[TD 1] COIR MHOR A CHRIOSDUIDH: ANN DA EARRAIN. I. D’FHEUCHAINN mu CHOIR SHLAINTEIL ann CRIOSD. II. An DOIGH chum ruigheachd air. Eadar-theangaicht’ o Bheurla UILLIAM GHUTHRIE, Le P. MAC-PHARLAIN, Maighstir-Sgoile san APPUIN. 2 PEAD. i. 10. “Uime sin, a bhráithre, deanaibhs’ an tuille díchill chum bhur gairm ’s bhur taghadh a dheanamh cinnteach.” 2 COR. xiii. 5. “Ceasnuichibh sibh fein, a’bheil sibh sa chreidimh; nach aithne dhuibh sibh fein, gu bheil IOSA CRIOSD annaibh, mu’r daoine mi-dhiadhui’ sibh?” LAOIDH-SHOL. vi. 3. “’S le m’ ghrádh mise, agus ’s leamsa mo ghrádh.” San EAGLAIS-BHRIC: Clo’-bhuailte le P. MAIR. Agus r’an reic le IAIN GILLIES, Leabhar-reiceadar ann am PEAIRT. M.DCC.LXXXIII. [TD 2] [Blank] [TD 3] AN CLAR-INNSIDH. AN ROIMH-RADH. Taobh-dhuilleag 5 EARRAN I. D’fheuchainn mu choir shlainteil ann CRIOSD. 7 CAIB. I. FAODAR dearbh-chinnt fhaotainn mu chóir duine ann CRIOSD ’s is cúis ana- bharra cud-thromach é, agus sann le sgriobtuir a bhios a chúis air a soilleireacha. 7 CAIB. II. Aobhair mu bheil cho beag a’ teachd gu eólas soilleir air an cóir air CRIOSD. 12 CAIB. III. Mearachdan eigin mu thiomchioll cóir air CRIOSD air an toirt air falbh. 24 CAIB. IV. Na doighibh leis a’ bheil cuid eigin air an tarruing a dh’ionnsui CHRIOSD leis an Uile- chumhachdach, gun mhothach air ullacha roimh- laimh le obair an lagha. 26 CAIB. V. Obair an lagha leis a’bheil an TIGH- EARN’ a’g ullach’ a shlighe do dh’anmaibh dhaoine; a tha’n dara cuid ni’s neart-mhoir agus ni ’s ealamh, no ni’s ciúineadh agus ni’s sochd- raiche. 35 CAIB. VI. An t eadar-dhealuch a tha eadar an lagh- obair ullachai sin aig a’bheil crioch ghrásmhor, agus geur-mhothacha chealgoirean. 49 CAIB. VII. Mu Chreidimh. 58 CAIB. VIII. An t eadar-dhealuch a tha eadar creid- imh chealgoirean, ’s an creidimh fior slainteil a dh’ fhírinnicheas. 76 CAIB. IX. Mun Chreatuir Nuadh. 80 [TD 4] Taobh-dhuilleag. CAIB. X. An t eadar-dhealuch a tha eadar duine tha air fhior ath-nuadhacha, ’s a tha ann an CRIOSD, agus cealgoirean. 96 CAIB. XI. Mu cho’-pairteachaibh áraid o DHIA, ’s mu oibreacha grásmhor sonruicht’ a Spioraid. 107 EARRAN II. An doigh chum ruigheachd air coir shlain- teil ann CRIOSD. 130 CAIB. I. Nithe áraid air an cuir sios chum eólas agus fiosrachadh a thoirt do’n mhuinntir sin a tha ain-eolach. 131 CAIB. II. A nochda ciod é gabhail ri innleachd DHE chum peacaich a shábhala trid IOSA CRIOSD, agus gur dleasnas ro fheumail é. 136 CAIB. III. A nochda ciod a tha air iarrui roimh- laimh air a mhuinntir leis an áill creidsinn ann IOSA CRIOSD. 143 CAIB. IV. Na buaidhean agus an tairbhe tha gu nádurr’ a’ leantuinn an fhior chreidimh. 153 CAIB. V. *Cunnuile air an tarruing o dhroch-thoill- teannas duine, agus o uamharrachd a pheac- aidh, air am freagra’. 167 CAIB. VI. Mun pheacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh. 174 CAIB. VII. Cunnuile, air an tarruing o dhiobhail cumhachd gu creidsinn, agus cion tairbhe, air am freagradh. 186 CAIB. VIII. Mu-thimchioll cúmhnant a dheanamh ri DIA. 190 * Objections [TD 5] COIR MHOR A CHRIOSDUIDH. AN ROIMH-RADH. O’N a tha na h urrad shluaigh, a’ caitheadh am beatha fui’ na h órduighibh, a’ gabhail os laimh gu bheil cóir áraid ac’ air CRIOSD, ’s air a dheadh-ghean ’s air a shlainte, gun bharantas sam bith ac’ air a chúis, mar tha é soilleir o Mhat. vii. 22, 23. “Their móran riumsa san lá ud, A THIGHEARN’, a THIGHEARNA, nach d’ rinn sinn fai’doireachd a’ t ainmse? ’s a’ t ainmse nach do thilg sinn amach deamhain? ’s a’ t ainmse nach d’ rinn sinn ioma miorbhuile? ’S ann sin aidmhichi mise os n áird dhoibh, Cha b’ aithne dhamh riamh sibh: imichibh uam a luchd dheanamh na h eacorach,” Mat. xxv. 11, 12. “Ann diaigh sin thainig na h óighean eile, a’g radh, A THIGHEARNA, a THIGHEARNA, fosgail dhuinne. Ach fhreagair easan agus thuirt sé Gu deimhin tha mi ’g rádh ruibh, ni bheil eolas agam oirbh.” Luc. xiii. 24. “Deanuibh spairn chruaidh gu dol a stigh air [TD 6] a’gheata chumhann: oir tha mi ’g rádh ruibh, gun iarr móran dol a stigh, agus cha ’n urradh iad.” Agus do bhri’ gu bheil deadh stéigh aig móran air cóir agradh air CRIOSD, nach ’eil air an daighneach ann dóchas r’a dheadh-ghean, ach a tha fantuinn ain-eolach air a chúis, gun cho’-fhurtachd, gun sólas, ann iom-chomhairle mu thimchioll an diadhachd fein, ’s a’ labhairt ro-bheagan chum diadhachd a chliuthacha do dhaoin’ eile, gu sonruicht’ ann ám an teinn agus an cruaidh-chais: Labhrui mi cáil-eigin mu thimchioll an dá ni is ro fheumaile. ’S é a cheud ni dhiu’, An doigh air a’ mothaich duin’ a’ bheil cóir fhior shonraicht’ aig air CRIOSD, ’s co dhiu tha na nach ’eil é ’g agradh cóir cheart air fábhar agus air slainte DHE? ’S é an ni eile mu bheil mi ri labhairt, Ma ’s é ’s gu ’m bi duine gaoirid air a rún ann san d’fheuchainn roi’-ainmichte, ciod an cúrs’ a ghabhas é chum cáirdeas agus slainte DHE a dheanamh cinnteach dhá fein? [TD 7] EARRAN I. D’fheuchainn mu chóir shlainteil ann CRIOSD. Cionnas a thuigeas duine ma tha cóir fhior áraid aig’ air CRIOSD? ’s co dhiu tha na dh’fhaodas é cóir cheart agradh air deadh-ghean agus slainte DHE? CAIB. I. Faodar dearbh-chinnt fhaotainn mn chóir duine ann CRIOSD ’s is cúis anbharra cud-thromach é, agus sann le sgriobtuir a bhios a chúis air a soilleireacha. M’AN labhair sinn mu thimchioll na ceiste, cuiridh sinn sios nithe áraid gu slighe ullacha fa chomhair an fhreagraidh: AIR tús, Gum faodar cóir duine air CRIOSD no a staid ghrásmhor a thuigsinn, agus sin le barrachd cinnte na tha móran am barail; seadh, agus tha é ni ’s usa ruigheachd air eolas mu thimchioll na tha móran daoin’ a’ meas: oir, cha ’n é amháin gun d’ aithn’ DIA na trócair do dhaoine fios fhaotainn air an cóir ann-san, mar ni air am faodar ruigheachd, 2 Cor. xiii. 5. “Ceasnuichibh sibh fein, a’ bheil sibh sa chreidimh, &c.” 2 Pead. i. 10. “Deanaibh di- [TD 8] cheall chum bhur gairm ’s bhur taghadh a dheanamh cinnteach, &c.” Ach ráinig móran do na naoimh air dearbha soilleir mu’n cóir air CRIOSD, ’s air DIA mar an DIA fein. Cia minic a tha iad a’g radh an DIA ’s an cuibhrionn ris? ’s cia lán-dearbhta bha Pól, “nach faodadh ni air bith eadar-sgarachduin o ghrádh DHE?” Air an aobhar sin faodar ruigheachd air dearbh-chinnte mu staid ghrásmhor duine. Agus cha smuainte faoin na barail gun bhunachar, an dearbh-chinnte so air am faodar ruigheachd, ach tha é ro-chinnteach: “Gun teagamh ’s tu ar n Athair,” ars’ am fáidh ann ainm na h eaglais, Isa. lxiii. 16. Tha é dearbh-shoilleir air a mhodh so, 1. Cha ’n fhaod gur barail fhaoin, ach eolas ro-chinnteach, an ni sin a bheir mór cho’-fhurtachd do dhuine riasond’ ann sna cruai’-chais is mó: ach ’s amhuil a ni so, 1 Sam. xxx. 6. “’N uair a labhair am pobull mu Dhaibhi a chlocha’, thug sé misneach dha fein ann san TIGHEARNA a DHIA,” Salm iii. 6. Tha é ’g radh ann sin, Nach bi eagal air roimh dheich míle a dh’éirgheas ’na aghai.” Coimeas na briathra sin ri rann 3. do’n t Salm sin: “Ach tha thusa O THIGHEARN’, a’d’ sgéith dhamh; mo ghlóir, agus fear togail suas mo chinn,” Salm xxvii. 1, 3. “’S é ’n TIGHEARNA mo sholus, agus mo shlainte; cia chuireas eagal orm? ’S é neart mo bheatha DIA nan dúl; cia chuireas faitchios fú’m? Ge d’ a champaich armailt a’ m’ aghai, cha bhi eagal air mo chridhe: ge d’ a dh’ éireadh coga’ suas [TD 9] a’m’ aghaidh, ann so bithidh mi muinighinneach.” 2. ’S eolas cinnteach air ni, a bheir air * ceannuiche glic gach ni bhios aige a reic, chum ’s gu’n gleidheadh é sabhailt’ é; a bheir air duine a bheatha, a chlann, fhearann a threigsinn, agus milleadh a mhaoin fhulang le luath-ghair: ach ’s amhuil a ni so, Mat. xiii. 44. Marc. x. 28. 29. Eabh. x. 34. Rom. v. 3. Gniomh. v. 41. 3. ’S eigin gur eolas ro chinnteach, ’s nach faoin bharail air an cuir duine gu deoineach agus gu saor anam ann cunnart, ’n uair tha é ’toirt ceum a stigh do shiorrui’eachd leis an fhocal so ’na bheul, “’S é so m’ uile mhiann;” ach ’s amhuil an t eolas a tha ’n so, 1 Sam. xxiii. 5. Agus a rithist, ni h é amháin gum faod duine diadhui tighinn a dh’ ionnsuidh eolas cinnteach mu staid ghrásmhor, ach tha é ni’s usa fhaotainn na tha móran a’ breithneacha: oir abair, ni a dhearbhar ann diaigh so, gu ’m faod duin’ eolas fhaghail air obair ghrásmhor Spiorad DHE ann fein; mu riasonaicheas é gu soilleir uaithe sin, ’s eigin dá a chóir air CRIOSD aideacha, mar áicheun é fírinn shoilleir an sgriobtuir. Cha laimhsich mi ach a h aon ann so, do bhri’ gu bheil sinn ri labhairt ni’s mionaidich air a chúis so ann diaigh laimhe. Faodai duine diadhui riasonachadh air a mhodh so, Ge b’ é ghabhas ri CRIOSD, tha iad gu ceart-bhreitheach air a’ meas ’nan cloinn do DHIA n’an grás, Eoin i. 12. “Ach a mheud ’s a ghabh ris, thug se dhoibh cumhachd a bhi ’n an cloinn do DHIA:” ach * marsonda, fear-malairt. [TD 10] ghabh mise ri CRIOSD air gach aon doigh a tha ’m focal ann sin a’ cialluch; oir tha mi lán-toilichte le * innleachd na slainte trid JOSA CRIOSD an Slanui’-fhear, tha mi ’g aontacha leis na cúmhnantan, ’s é beatha tairgse CHRIOSD agam ’na uil’ oifigibh, mar Righ chum riaghladh os mo cheann, mar Shagart a dh’ ofrail iobairt ’s a dh’ eadar-ghuidhe as mo leith, mar Fháidh chum mo theagasg; tha mi taosgadh amach mo chridhe air a shon agus d’a ionnsui, ga m’ shochcracha fein air mar is urrain mi: ciod tuille dh’ fhaodas bhi air a chiallucha leis an fhocal Gabhail? Uime sin faodai mi a’radh is aideacha le deadh bharantas gu soilleir neo-mhearachdach. Faodai mi gu ceart-bhreitheach mi fein a mheas mar aon do chloinn an DIA uile-bheannuicht’, a reir an sgriobtuir roi’-ainmichte do nach cómas fáillneacha. ’S é ’n dara ni tha r’a chuir sios roi’-laimh, Gur cúis ro-chud-thromach fheumail duin’ a bhi air mhodh slainteil ann cúmhnanta ri DIA, “’s é sin a bheatha,” Deut. xxxii. 47. ’S gidheadh, ’s ro thearc iadsan aig a’ bheil na idir a tha ’g iarrui cóir shlainteil ann sa chúmhnanta, ’s tha móran gu h ei-céillidh amaideach am barail gu bheil a shamhuil sin do chóir aca gun stéigh laidir air bith, no idir gné bharantais air a chúis. Mat. vii. 14. “’S tearc an aitim a tha ’g amas air an t slighe chumhann, no a tha ’g imeachd innte.” Bu chóir dha so daoin’ a mhosgladh a’ marbh chadal a pheacai, gu bhi ro dhúrachdcah mu thimchioll na cúise, ’s o’n a tha é ’na ni * meadhon. [TD 11] cho ro fheumail a bhi air mhodh slainteil ann JOSA CRIOSD; ’s air son nach ’eil iad ach ro theare a dh’ fhaodas cóir cheart agradh air: ’s gidheadh tha móran am barail amaidich gu bheil aca lán chóir air, a tha air a’ mealla le dóchas cealgach mar bha na h óighean amaideach, Mat. xxv. ’S é ’n treas ni gu bhi air a chuir sios roimh-laimh, Gur eigin do dhaoin’ a chuir rompa gun dearbh iad an cóir air CRIOSD leis an sgriobtuir, ni is é focal neo-mhearachdach an DIA shiorruith. ’S é ’n Spiorad a’ labhairt san sgriobtuir, britheamh nan uile chonnspuid, Isa. viii. 20. “Do ’n reachd agus do ’n fhianuis; mar labhair iad a reir an fhocail so, ’s ann do bhri’ nach ’eil solus ionnta;” agus air an ni so mar an ceudna, Co dhiu tha, no nach ’eil duine air mhodh slainteil ann cúmhnanta ri DIA? Uime sin na deanaibh fanoid air DIA ’n uair a tha sibh mar gu ’m b’ann ri mion rannsucha mu thimchioll a shamhuil sin do ni. Ma dhearbhas sinn o sgriobtuir, ni is é an riaghailt neo’-mhearachdach, gu bheil sibh ann staid n’an grás, ’s gu bheil sibh air mhodh slainteil ann cúmhnanta ri DIA, ann sin cuiribh roimhibh an urrad so aid’eacha, ’s a bhi lán-toilichte leis: ’s ma bhios atharracha so soilleir, thigeadh crioch air a chonnspuid, air neo cha ’n ’eil sibh ach ri fanoid air an Uile-chumhachdach, ’s mar sin bithidh bhur cuibhrichean air an deanamh laidir,” Isa. xxviii. 22. oir, “cha ’n fhaod lide d’a fhocal fáillneacha,” Mat. v. 18. Air an aobhar sin iarraibh sábh-shúl air CRIOSD [TD 12] chum nithe a bhreithneach a reir ’s mar tha focal DIA a’nochdadh a tha iad. CAIB. II. Aobhair mu bheil cho beag a’ teachd gu eolas soilleir air an cóir air CRIOSD. ’S E ’n ceathramh ni gu bhi air a chuir sios roi’-laimh, Ge d’ a tha cúis cóir duine air CHRIOSD ’na ni cho ro chud-thromach, agus an doigh chum eolas fhaotainn air a chúis air a chuir m’ ar coinnibh gu ro shoilleir sna sgriobtuiribh; gidheadh ’s tearc iadsan a tha ruigheachd air mion eolas air a chúis. ’S a chum ’s nach d’ thuga’ so mi-mhisneach do neach air bith gun oirp theann a thoirt air, bheir mi fainear beagan do dh’ aobhair áraid aig a’ bheil a choire, gu bheil cho beag a’ teachd chum eolas soilleir air an cóir; ni mar an ceudna dh’ ullaicheas an t slighe fa chomhair an ni tha gu bhi air a labhairt ann diaigh so. ’S é cheud ni tha bacadh móran o eolas fhaghail air an cóir air CRIOSD, gu bheil iad ain-eolach air cuid eigin do chinn áraid a chreidimh. 1. Gu ’m b’ é saor ghrádh ann uchd DHE, ’s nach b’ é ni sam bith bha ann san duin’, a bhrosnuich é gu Slanui’-ear a chuir a cho’-lionadh obair na saorsa: Eoin. iii. 16. “Mar sin ghrádhaich DIA an saoghal cho mór, ’s gun d’thug é aon ghin Mhic fein.” Tha daoine do ghná a’g iarrui stéigh eigin ionnta fein chum a chúis [TD 13] sin a thoirt gu crich, a tha gan treórach air falbh o smuaintibh árd agus freagarrach a bhi ac’ air ceud thobar agus toiseach cúmhnanta fabharrach an DE uile bheannuichte d’ a phobull, aig nach ’eil riasan, aobhar na toilltinneas air bith annain fein; air chor ’s nach urrain iad tighinn a dh’ ionnsuidh eolas soilleir air an cóir, gus an caochail iad gu tur am beachd man chúis. 2. Tha iad ain-eolach air cionnas a tha ’n grádh sin ’ga nochda fein air mhodh éifeachdach do chridhe duine, air chor ’s gum bi stéigh aige chum cóir agradh air. ’S bitheanta leis a-ghrádh sin gun leig é air tús ris do dhuine a staid bhreóite neo-iomlan ann fein, a thaobh peacaidh agus truailli’eachd a’ salachadh an duine gu h iomlan, ’s gach aon ni a th’ ann ris am faodar fíreantachd a ghairm, “tha iad sin uile ’n an calldach agus ’nan aolach,” Phil. iii. 6, 7, 8. 2. Tha é foillseacha CHRIOSD mar an t ionmhas iomlan a shásuicheas thair gach ni eile; “Tha’n duin’ a’ faghail ionmhais, air son a’ bheil é le gáirdeachas a’ reic gach ni tha aige, &c.” Mat. xiii. 44, 46. 3. Tha é rúnach a chridhe gu h iomlan, ’s a’ toirt air dlúthacha ris an DIA bheo ann sna h órduighibh, Salm lxv. 4. “’S beannuicht’ an duine tha thus’ a’ roighneacha, ’s a’ brosnucha chum teachd am fogus dhuit, chum ’s gu’n gabh é cómhnuidh a’ d’ chúirtibh-se.” ’S tha é toirt air do chridhe feitheadh air, agus airsin amháin, Salm lxii. 5. “O m’ anam, feith thusa amháin ri DIA.” Mar so air do shiol DHIA bhi air a chur sa chridhe, agus CRIOSD air a dhealbh [TD 14] ann, Gal. iv. 19. tha ’n cridhe air atharracha ’s air a dheanamh nuadh ann san obair roi’-ainmichte, Esec. xxxvi. 26. agus tha lagh DHIA ann sa chaochla sin air a chlo’-bhualadh air a chridhe air chor, Ier. xxxi. 33. ’s gu bheil an t iomlan do chuing CHRIOSD air a chliuthacha do ’n duine, Rom. vii. 12, 16. “Tha ’n lagh uil’ air’ a mheas maith, naomh, ceart, agus spioradail.” Air so uile, tha gniomhartha do nuadh bheatha a’ sruthadh amach o’n cheud-thús beatha sin, Gal. v. 6. “Tha creidimh a’g oibreacha tre ghrádh;” Rom. vi. 18, 22. agus tha ’n duin’ a’ fas “’na sheirbheiseach do dh’fhíreantachd, agus do DHIA:” ni tha gu sonruichte soilleir ann an nádur spioradail aodhraidh, Eoin iv. 24. Rom. vii. 6. ann sin tha daoin’ “a’toirt seirbheis do DHIA ann spiorad, ’s ann am fírinn; agus ann nuadhachd an spioraid, ’s ni h ann an seanndachd na litreach;” ’s ann an caomhalachd ann sgach gné chaithe-beatha: ann sin tha ’n duine “ga ghnáthacha fein, cionnas a choimhdeas é coguis neo-lochdach a thaobh DHE, ’s a thaobh dhaoine,” Gniomh xxiv. 16. Anois’, tha grádh DHIA air a mhodh so ’ga nochda fein do dhuine, ’s a’g oibreach air, air chor ’s gu bheil stéigh aige chum cáil-eigin do dheadh chóir agradh air; air chor ’s gum faod é gu ceart-bhreitheach a smuainteacha, gu bheil suim aig a ghrádh sin a chuir Slanui’-ear iochdmhor trócaireach a dh’ ionnsuidh an t saoghail, d’a shamhuil-sin do dhuine a mhothaich gun deach na nithe sin a cho’-chur ris fein. Gu cinnteach [TD 15] tha ain-eolas ann sa chúis so a’ cumail moran air an ais o eolas fhaotainn mu’n cóir air CRIOSD; oir mar ’eil fios aig aon cionnas a dh’oibricheas DIA air duine, air dhoigh ’s gu ’m faod é gu fior neo-mhearachdach cóir agradh air a ghrádh, a bha ann o ’n uile bhith-bhuantachd, theid é cian air seachran san dorchadas, ’s cha d’ thig é chum eolas air a chóir ann-san. 3. Tha móran daoine mar an ceudna ain-eolach air so, Gur é DIA amháin dóchas a phobuill: theirear “dóchas Israel ris,” Jer. xiv. 8. Ge d’ a tha buaidhean nádurra ’nan dearbhadh air so, gidheadh, ’s é creidimh, sochcrach a chridhe air an DIA shiorruith mar lán bheannucha ’s mar chuibhrionn a shásuicheas, 1 Pead. i. 21. “’S eigin gur ann an DIA bhios creidimh agus muinghin;” ’s an t aon chúmhnanta fior a bheir seachad cóir air beannachaibh slainteil a cho’-cheangail, Rom. iv. 5. “Dha-san nach oibrich, ach ata creidsinn—measar a chreidimh mar fhíreantachd.” Gun amharus ma ghabhas aon neach do dhánadas san áite so, ’s ma thionndas é grás gu macnus, ’s mealltoireachd ro mhór so; o’n a tha trócair maille ris, air chúmhnant ’s gun oibrich é eagal ann, Salm cxxx. 4. Seadh, ’s gann a dh’ fhaodas neach sam bith a mhothaich an dearbha so air grádh air a cho’-chur ris fein, sgáil a dheanamh do’n chúmhnant air son saorsa peacai, gun tomhas eigin do ghleachd spioradail; ann san t seadh so “cha ’n ’eil easan a ghinear o DHIA a ’peacacha,” ’s cha ’n fhac “an neach sin a tha peacacha mar so DIA,” 1 Eoin iii. 6, 9. [TD 16] Tha mi ’g rádh, Gur é DIA muinighin a phobuill, ’s ni h é an naomhachd fein. Ma tha ’n rún gu neo-chealgach, ’s ma tha iad gu dúrachdach a’ gabhail fadail gu bhi cosmhuil ris, cha chóir do dh’ ioma fáillneadh agus mearachd an dóchus ’s am muinighin anmhunnacha; oir tha ’n dóchas ann-san nach caochail, Mal. iii. 6. “’S ma pheacaicheas neach air bith, tha Fear-tagraidh aige,” 1 Eoin ii. 1. Anois,’ ’n uair tha daoin’ a’cuir an dóchais ann an ni air bith eile a bharrachd air an TIGHEARNA DIA, cha’n iongantach ge d’ a raibh iad air an cumail ann staid amharusaich, do reir atharrach an ni d’a bheil iad a’ deanamh steigh an dóchais, do bhri nach ’eil iad a’ toirt do DHIA a ghlóir is cubhai da ainm, ’s nach d’thoir é seachad do neach eile: coimeas Salm ix. 10. “Cuiridh an aitim sin aig a’bheil eolas air t ainm an dóchas ionnad;” ri Isa. xlii. 8. “Cha tabhair mi mo ghlóir do neach eile, ’s mis’ an TIGHEARNA, ’s é sin m’ainm.” 4. Tha móran ain-eolach air doighibh agus tomhas eug-samhuil do dh’ oibreacha DHE air a phobull, ’s tha so gu ro mhór a’ toirt dubhar air an eolas mu ’n cóir air CRIOSD. Tha ’n t ain-eolas so gu sonraicht’ a’ co’-sheasamh ann sna tri chinn so a leanas. AIR tús, Tha iad ain-eolach air doighibh ’s air tomhas eug-samhuil an lagh-obair sin, a tha buntuinn gu bitheanta ri daoine, ’s air na seoluibh eug-samhuil air a ’ bheil an TIGHEARNA DIA an toiseach a’toirt sluaigh a dh’ionnsui CHRIOSD an Slanui’-ear. Cha ’n ’eil iad a’ [TD 17] toirt fainear nach deachai fear coimhead a phriosuin a chumail aon uair fui’ dhaorsa, Gniomh. xvi. Chaidh Pól a chumail ann teagamh tri laithe, Gniomh. ix. Cha raibh Saccheus air a chumail ann amharus aon mhionaid, Luc. xix. 2. Tha iad ain-eolach, gu h áraid cha ’n ’eil iad a’ toirt fainear, nach ionann tomhas do naomhachd a tha ann sna naoimh fein; oir tha cuid eigin aig a’ bheil é follaiseach ann láthair dhaoine, agus tha cuid eile dhiu aig nach ’eil é mar sin. Tha cuid do dhaoin’ ann a tha ro neo-choireach saor o pheacaibh ro an-trom, a tha fágail an aidmheil ro sgiamhach mhaiseach, mar bha Job, Job i. agus Sacharias, Luc. i. tha é air a ’radh gun raibh na daoine so “foirfe agus firinneach, air an raibh eagal DE, ’s a seachnadh uilc; firinneach am fianais DHE, a’gluasad ann uil’ aitheantaibh agus órduighibh an TIGHEARNA, gu neo-lochdach:” bha daoin’ eile buailteach do pheacaibh ro ghráineil ann-trom, mar bha Solamh, Asa, &c. 3. Tha iad ain-eolach air co’-chomunn fa leith gnúis DHE, agus air dearbhadh a láthaireachd. Tha cuid a’g imeachd gu bitheant, ann solus gnúis an DIA shiorruith, ’s ann co’-chomunn mothachail maille ris, mar bha Daibhi; tha dream eile, “ré am beatha air an cumail fui’ dhaorsa trid eagail a’ bháis,” Eabh. ii. 15. Gu cinnteach tha ain-eolas air na doighibh eug-samhuil leis a’bheil TIGHEARNA nam feart a’g oibreach air a phobull, a’ cuir dubhar ro mhor air an eolas mu’n cóir air CRIOSD, ’n uair tha iad do ghná a’cumail DHE ri aon doigh oibreacha, ni nach ’eil é idir a’ leantuinn, mar a nochd sinn ’s na h eisimpleiribh a chaidh ainmeacha cheana. [TD 18] ’S é ’n dara ni tha cumail dhaoin’ ann dorchadas mu thimchioll ann cóir air CRIOSD, Gu bheil ni na ni eigin eile, ann sa bheil an cridhe gan díteadh, ann seadh eigin, do bhri’ gu bheil iad a’ buntuinn gu mealltach cealgach ri DIA. Cha ’n ’eil é coltach gun d’thig a mhuinntir sin gu soilleireachd mu thimchioll an cóir air a bheatha mhaireannaich, aig a’ bheil an cridhe gan díteadh air son bhi cumail suas ceannairc áraidh ann aghai ’n TIGHEARNA DIA le ’m fios, leis nach leig iad falbh, ni mó tha iad a’ gnáthacha na meadhonan a dh’órduich DIA chum an saoradh uaithe: cha mhó a dh’fhaodas a mhuinntir sin tighinn chum lán eolas mu’n cóir, a tha deanamh dearmad air dleasnas sonruicht’ eigin a tha air áithne dhoibh a chuir ann gniomh; tha iad sin mar an ceudna, ann seadh eigin, air an díte le ’n cridhe fein, mar bha a mhuinntir man do labhra roimhe; agus tha é duilich dhoibh teachd chum eolas soilleir air an staid am fad ’s a bhuanaicheas iad san staid sin. 1 Eoin iii. 21. “Mar dít ar cridhe sinn, tha dánachd againn a thaobh DHE.” Tha é air a ghabhail os laimh ann sin, gu bheil cridhe duin’ a tha ’g a dhíte a’ deanamh do reir sin a dhóchas a thaobh DHE gun bhladh. Cha ’n ’eil mi ’g áicheadh nach faod daoin’, air deadh stéigh, cóir agradh air CRIOSD, ’n uair tha aingi’eachd a’ faotainn buaidh orra, Salm lxv. 3. “Tha mo sheachrain ann uachdar orm, mu dhéimhin ar n easontais, glanai’ tus iad air falbh,” Rom. vii. 23, 24, 25. “Tha mi faicinn lagh ’eil’ a’m’ bhallaibh, a’ cogadh ann aghai lagh m’ inntin, ’s ga m’ thoirt am bruid do lagh a pheacaidh, a tha ann am bhuill. Och is duine [TD 19] truagh mi! co shaoras mi o chorp a bháis so? Tha mi toirt buidheachas do DHIA, tre JOSA CRIOSD ar TIGHEARNA. Uime sin, tha mise fein leis an inntin a’ deanamh seirbhis do lagh DHE; ach leis an fheoil do lagh a pheacai.” Ach tha é ro dheachdair fhaotainn, ma dh’ fhaodar idir ruigheachd air soilleireachd man chúis, ’n uair tha ’n cridhe a’ buntuinn gu cealgach ri DIA, ’s a’ toirt caidreamh do cheilg shonraichte le fios; air an aobhar sin glanadh daoin’ iad fein o ’n cheilg shonraichte sin air a’ bheil iad tuill’ is eolach. ’S é sin an ni tha ga ’n coinneachadh, a’ cuir stad air am muinighin ’s air comas teachd am fogus do DHIA gach uair bu mhiann leo dlúthacha ris; faic Breith. x. 10,—13. tha iodhal-aodhrai a phobuill air a maoitheadh orra leis an TIGHEARNA, ’s chuir é cúl r’ an iartas air an son. ’S é sin an ni tha tarruing air falbh a chridhe air tús sa mhadain, agus fa dheireadh san oi’che, mar “ámhuinn air a teasacha san oi’che, ’s a loisgeas mar theine lasurra sa mhadain,” air a labhairt mu na h aingidh, Hos. vii. 6. ’s a’ togail an smuaintibh gu minic air an leabai; mar tha é air a’radh mu chuid eigin, Salm xxxvi. 4. “Tha é dealbh aimhleas air a leabuidh, &c.” an ni sin a tha gu bitheant’ a’ toirt a chridhe air falbh ann ám dleasnais chrábhach, agus tha ’n spioraid air am beothacha le bhi cuimhneach air, ni ’s mó na le bhi cuimhneach air an DIA a chruthaich iad, air chor ’s gu bheil an “cridhe ann tóir air ni-eigin ro-ghráineil,” Esec. xi. 21. an ni sin a tha cuir ann aghai dhaoine ’n uair bu mhiann leo greim a dheanamh air a ghealladh, mar tha DIA a’ maoitheadh am peacaidh orra-san a tha gabhail gnothach r’a chúmhnant, Salm l. 16, 17. “Ciod do ghnothach ri m’ reachdsa [TD 20] chuir ann céill, no gu ’n gabhadh tu mo chúmhnant ann a’d’ bheul, &c.?” ’S é sin an ni tha bacadh eolais air staid ghrásmhor; cuiribh uaibh an ni sin, agus bithidh é ni ’s usa’ dhuibh ruigheachd air lán chinnte mu chóir air CRIOSD. ’S é ’n treas ni tha bacadh eolas mu chóir air CRIOSD, spiorad lúndaireachd, agus dearmad neo-chúramach ann am móran: tha iad a’gearan nach ’eil fhios ac’ a’bheil no nach ’eil iad ann CRIOSD: ach, mar is tearc iadsan a tha ’g oirpeacha bhi ann; ’s co beag a chuireas do dhragh orra fein fheuchainn a’bheil iad ann. ’S obair agus gnothach so nach urrain daoin’ a dheanamh ’n an codal, 2 Cor. xiii. 5. “Ceasnuichibh sibh fein, a’ bheil sibh sa chreidimh; dearbhaibh sibh fein: nach aithne dhuibh sibh fein? &c.” Tha na briathran eug-samhuil tha air an gnáthach ann so, sin r’a radh, “Ceasnuich, dearbh, aithnich,” a’g radh gu bheil mór-shaothair ann sa chúis. ’S eigin dicheall a dheanamh chum ar gairm ’s ar taghadh a dheanamh cinnteach, 2 Pead. i. 10. ’S cúis é tha os cionn cumhachd fuil agus feoil: ’s eigin do’n únga’ naomh a theagaisgeas na h uile nithe, 1 Eoin ii. 20, 27. a thoirt oirn gun aithnich sinn na nithe a thuga dhuinn gu saor o DHIA, 1 Cor. ii. 12. Am páirtich an TIGHEARNA DIA gnothach cho cud-thromach ri daoine, ’s nach dean iadsan urrad agus iarruidh air-sin a dheanamh air an son? Esec. xxxvi. 37. Biodh náir’ oirbh-se, tha struighe na hurrad d’ar n aimsir ann leúghadh faoin sgeulachdan spleadhach, ann sgeudach bhur cuirp, ann sealg san aighear, ann rannsucha lagh na rioghachd mu thimchioll bhur gnothaichean saoghalta, agus faodai é bith ann an nithe is measa na iad sin; biodh [TD 21] náir oirbh gu bheil sibh a’caithe’ cho beag d’ar ’n aimsir ann rannsucha na cúise so, Co dhiu is oighreachan air glóir sibh no nach eadh? co dhiu tha sibh a’g imeachd air an t slighe a tha treorach a dh’ionnsui rioghachd na glóire, na air an t shlighe sin a chuireas air tír sibh ann déis duibh an saoghals’ fhágail, ann áros a chaoi, a ghearain, a bhroin, agus an dubhachais maille ri deamhain agus ri diabhoil, ann iomall dorchadas gu saoghal nan saoghal? A mhuinntir mo ghráidh, smaointichibh air a chunnart anabarrach ann sa bheil sibh, agus teichibh gu luath a dh’ionnsui bhur caraid is fearr, a tha lán chomasach air bhur saoradh o thruaighe shiorruith. Sibhs’ a tha ’g ar meas fein os cionn mion rannsuch air a chúis so, agus nach fiu é bhur saothair, no earran sam bith d’ ar ’n úin’ a bhuileach air a chúis; do bhri’ coltais, ann súilibh DHIA, tha sibh ’g ar meas fein “neo-aithrigh air a bheatha mhaireannaich,” air chor ’s nach ’eil crannachar agaibh ’s a chúis so maille ri luchd muinntir DHIA. ’S é ’n ceathramh ni tha cuir dubhar air dearbh-chinnte mu chóir ann CRIOSD, Nach ’eil daoin’ aig ceann an comhairle mu thimchioll an ni a shásuicheadh iad, tha iad a’ gearan nach nochd DIA dhoibh ciod a tha é dol a dheanamh riu’; ach cha ’n urrain iad fhathasd a’ radh, gur aithne dhoibh ciod a shásuicheadh mu thimchioll a rúin. ’S ni ro bhrónach so. An smuaintich sinn gu bheil na daoine sin da ríreadh nach do shúnraich riamh fhathasd, air an ni a shásuicheadh iad, no idir a’ rannsucha gu dúrachdach mu thimchioll an ni sin d’am bu chóir an sásucha? Nam fágadh DIA n’an grás san dorcha sinn mun chúis sin, bu mhóid a bhiodh do leith-sgeul againn bhi máirnealach [TD 22] ann: ach do bhri’ gu bheil stéigh ar sásuich, agus na fior chomharan air cóir ann CRIOSD, cho soilleir ’s cho bitheanta san sgriobtuir, ’s a “choi’-lion nithe sgriobhta, chum ’s gum biodh ar gáirdeachas co’-lionta,” 1 Eoin i. 4. “’s a chum ’s gum bi fios aca-san a chreideas gu bheil a’ bheatha mhaireannach aca,” 1 Eoin v. 13. “’s do bhri’ gu bheil aige-san a chreideas fianais air an ni sinn ann fein,” 1 Eoin v. 10. cha’n fhaod duin’ air bith leith-sgeul a ghabhail ann so. Cha ’n fhaigh sinn san ám so fuireach r’a nochda, ciod a dh’ fhaodas ’s d’ an cóir ar sásucha mu thimchioll ar cóir ann CRIOSD, do bhri gu bheil sinn ri labhairt gu mionaideach mu dhéimhin ann diaigh so. ’S é ’n cuigibh ni tha ’na iompaidh air daoin’ a chumail ann dorchadas mu thimchioll an cóir air JOSA CRIOSD, Gu bheil iad a’ súnrach air stéigh eigin chaochlai’each, nach ’eil ’n an dearbha cho laidir mu chinnt’ air cóir ann CRIOSD, ’s a tha iad air staid lán do cho’-fhurtachd do dh’ anam buadhach a tha seoladh roimh ’n ghaoith; agus ’s comharan iad, tha mi ’g aideacha tha príseil ionnta fein, ’s a ni cóir air CRIOSD amach gu soilleir far a’bheil iad, ach gidheadh faodai cóir air CRIOSD a bhi as an eug’ais, agus faodar aithneach ann tomhas maith mar an ceudna: labhrui sinn mu ni na dha dhiu. 1. Tha cuid do dhaoin’ a’ smuainteacha gu bheil iadsan uil’ aig a’bheil cóir chinnteach air CRIOSD, os cionn cumhachd bhuadhar gach peacaidh. Ach tha so calg-dhireach ann aghai Salm lxv. 3. “Tha mo sheachrain ann uachdar orm; glanaidh tus’ ar peacaidh uainn;” far a’ bheil sinn a’faicinn an duine diadhui so a’tagra cóir cheart air maith- [TD 23] eanas, ’n uair bha ’m peacadh a’ faghail buaidh air: agus Rom. vii. 23, 24, 25. far a’ bheil Pól a’ toirt buidheachas do DHIA trid CHRIOSD, mar neach air a shaoradh o dhíteadh an lagha, eadhoin ’n uair tha lagh ’n a bhuill ’g a thoirt am bruid do ’n pheaca. 2. Tha daoin’ eil’ a’m barail gu bheil aca-san uile tha air mhodh slainteil ann CRIOSD saor chomas gu dlúthacha ri DIA gach uair is áill leo ann úrnuigh, ’s gu bheil mothach ac’ air freagra d’ an úrnuigh gach aon ám. Ach tha so direach ann aghai gnáthacha brónach muladach a luchd muinntir, a tha cruaidh ghearan gu minic nach ’eil an DIA a chruthaich iad g’ an cluinntin no idir a’ gabhail suim dhiu, Salm xiii. 1. “Cia fad a dhi-chuimhnicheas tu mi, O THIGHEARN’, ann ann gu bráth? cia fad a dh’fholuicheas tu uam do ghnúis?” Salm xxii. 1, 2. “Mo DHIA, mo DHIA, ciod uime thréig thu mi? c’ar son a tha thu co fad o chómhna dheanamh rium, ’s o bhriathra goirt mo bhúireadh árd? O mo DHIA, tha mi ’g éigheach air feadh an lá, ach cha ’n éisd thu rium; agus am faireadh uaignich na h oi’che, ni bheil mi a’m’ thosd.” 3. Tha cuid do dhaoin’ a tha ann am barail gu bheil aig a mhuinntir sin uile aig a’bheil cóir cheart air CRIOSD. DIA a’togail fianais dhoibh air an ni sin fein le árd oibreach a Spioraid mun do labhair an t Abstol, Rom. viii. 16. “Tha ’n Spioraid fein a’togail fianais le’r spioraid-ne, gur sinn clann DHE;” uime so labhrar ann diaigh so: ionnas gu bheil na daoine sin a ghná cuir an cóir fein air CRIOSD ann teagamh, air son gu bheil so a dh’ easbhuidh orra. Ach cha ’n ’eil iad a’ cuimhneacha gur eigin doibh air tús [TD 24] creideas a thoirt do’n fhianais sin, a thug DIA mu Mhac, gu bheil beatha na leoir ann-san do dhaoine, 1 Eoin v. 10, 11. agus ann sin súil a bhi aca ri seul agus fianais an Spioraid, Ephes. i. 13. “Neach ann déis duibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad naomh a gheallaidh, &c.” Co fad sa dh’fhanas daoine sa bheachd sin, ’s gann is urrain doibh teachd a dh’ ionnsui eolas cinnteach mun staid grásmhor, a dh’ órduich DIA do dhaoin’ a dhearbha ’s a shoilleireacha dhoibh fein, air doigh eile fada o bharail nan daoine sin. CAIB. III. Mearachdan eigin mu thimchioll cóir air CRIOSD air an toirt air falbh. ’S E ’n cuigibh ni r’a chuir sios roi’-laimh, Cuid do mhearachdan ann sa bheil daoin’ ullamh gu tuiteam a thoirt air falbh, ’n uair tha sinn gu ’n cóir air CRIOSD a dhearbhadh. 1. ’S mearachd a shaoilsinn, gu bheil dearbh-fhios aig gach neach a tha ann an CRIOSD, gu bheil é air mhodh slainteil ann; oir tha ioma neach a tha ann an staid n’ an grás, ’s aig a’ bheil deadh chóir air a bheatha mhaireannach, aig nach ’eil fios air na h urrad sin, gus an dearbhar dhoibh é ann diaigh láimhe, 1 Eoin v. 13. “Tha na nithe sin air an sgriobhadh do chreid’ich, chum ’s gun aithneadh iad gu bheil cóir fhior ac’ air a bheatha mhaireannaich:” ’s é sin, gum bi fios aca gur creidmhich iad, ’s mar so tha é air a chiallucha nach raibh iad fiosrach air roimhe. 2. ’S mearachd bhi smaointeacha, gu bheil iadsan uile tha teachd gu eolas mu’n cóir air [TD 25] CRIOSD, a’ ruigheachd air an aon tomhas chinnte mu thimchioll: faodaidh aon neach a’ radh, “Gu bheil dearbh-bheachd aige nach comasach do ni air bith a tha láthair no chum teachd a sgaradh o ghrádh DHE,” Rom. viii. 38. cha ’n eil neach eil’ ach a’ teachd an fhad so air aghai, “Tha mi creidsinn, cuidich thusa le m’ mhi-chreidimh,” Marc. ix. 24. 3. ’S mearachd a bhi ann am barail, gu bheil gach neach a tha teachd chum dearbh-bheachd laidir air a chóir, aig fantuinn a ghná sa bheachd sin; oir an ti tha ’g radh an diu mun TIGHEARNA DIA, “Gur easan a dhídein,” Salm xci. 2. agus “a chuibhrionn,” Salm cxix. 57. faodaidh é bith gun abair é ’n ám eile, “Gu bheil é air a “ghearradh amach,” Salm xxxi. 22. agus gum feóraich é bheil fírinn gealla DHE a’ fáillneacha gu siorruith? Salm lxxvii. 7, 8, 9. 4. ’S mearachd mar an ceudna bhi ann am barail, gu bheil gach neach a tha faghail dearbh eolas air an staid ghrásmhor, comasach air gach cunnuil a nithear ann aghai sin a fhreagra gu riaghailteach; ach gidheadh faodaidh iad an co’-dhuna’ ghleidhe gu dainnean ’s a’radh, “Tha fios agam co ann ’s n do chreid mi,” 2 Tim. i. 12. ’S beag do bhunachair a Chreidimh Chriosduidh, air a’ bheil móran daoine cho lán-dearbhte, ’s gu bheil iad murrach air an cumail suas gu mion ann aghai gach arguin a dh’ fhaodar a ghnáthacha ’n an aghai; ’s gidheadh tha iad comasach agus coimheadaidh iad an co’-dhuna gu cinnteach bunailteach: ’s amhuil a thachair do’n chúis so. 5. Cha lugha am mearachd a shaoilsinn, gur é ’n dóchas faoin sin gun bhunachar, a tha móran do dhaoin ann-diadhuidh ain-eolach a’ cumail [TD 26] rompa, an t eolas so air cóir ann JOSA CRIOSD a tha sinn a’ tagradh; oir tha móran gu cealgach a’g aideacha gur easan an Athair, Eoin vii. 41. ’s tha fiuthair aig móran ri néimh a shealbhach, a bhitheas air am mealladh mar bha na h óighean amaideach, Mat. xxv. 12. Gidheadh cha’n fhaod sinn a smuainteach air a shon so, gur mealltoireachd agus faoin bharail neo-stéigheil gach uile eolas air cóir ann CRIOSD, ge d’ a tha na h amadain sin air am mealladh; oir an uair tha na míltean air am mealla, tha cuid eigin murrach air a’ radh air deadh stéigh laidir chinntich, “’S aithne dhuinn gur ann o DHIA a tha sinne, ’s gu bheil an saoghal uile ’na luidhe san olc,” 1 Eoin v. 9. CAIB. IV. Na doighibh leis a’ bheil cuid eigin air an tarruing a dh’ ionnsui CHRIOSD leis an Uile-chumhachdach, gun mhothach air ullacha roimh-laimh le obair an lagha. AIR dhuinn na nithe sin a chuir sios roi’-laimh, tha é ’nois’ a’ leantuinn gun nochd sinn comharan áraid leis an tuig duin’ a’ bheil é air mhodh slainteil ann cúmhnanta ri DIA nam feart, ’s a’ bheil cóir shonraicht aig air CRIOSD an Slanui-’ear, air chor ’s gu’m faod é gu neo-mhearachdach le deadh bharandas cóir agradh air fábhar agus air slainte DHE. Cha súnraich sinn ach air dá chomhara mhór áraid, air dhuinn bhi neo-thoileach dragh a chuir air daoine le móran. Ach mun tionnsgain sinn air labhairt mu na nithe sin, labhrui sinn mu thimchioll obair ullachaidh an lagha, a tha ’n TIGHEARNA DIA gu [TD 27] bitheant’ a’gnáthacha chum a shlighe fein ullach ann anmaibh dhaoine. Faodai so a bhi mar chomhara le cuid do dhaoine. Theirear obair an lagha, no, obair irisleacha ris. Tha cáil-eigin do choimeas aige ri spiorad na daorsa sin, Rom. vii. 15. ’s tha é ’noise fui’n Tiomna-Nuadh a’ co’-fhreagra dhá, ’s is gná leis daoin’ a threóracha gu “spiorad na h uchd-mhacachd.” Ach ’s feumail amháin gun d’ thoir sinn fainear ann so, 1. Nach ’eil sinn gu labhairt mu obair roi’-ullachai so an lagha, mar chomhar’ áicheunach air fior chóir ann JOSA CRIOSD, mar nach faoda neach sam bith cóir cheart agradh air fábhar DHIA, aig nach ’eil an obair roi’-ullachai’ so ’na ceumaibh eug-samhuil, mar tha sinn air ball ri labhairt mu timchioll; oir mar a chluinneas sinn, cha ’n ’eil an TIGHEARN’ a’ leantuinn an aona cheum sin do ghná le daoine. 2. ’S é ’n t aobhar sonraichte mu bheil sinn a’ labhairt uime, Do bhri gu bheil TRIATH na beatha a’ buntainn ri móran, a tha é gu éifeachdach a’gairm, le shamhuil so do dh’obair roi’-ullachai: ’s faodaidh é bith gun neartaich é iadsan ris ’n do bhuineadh air a mhodh so, ’s gun daighnich sé iad chum tuille earbs’ a dheanamh as na comharan a leanas. 3. Agus faodaidh é misneach a thoirt do dhaoin’ eile, tha fui’ shamhuil sin do dhaorsa spioraid, mar dheadh chomhar’ air crioch ghrásmhor. 4. Far a’ bheil DIA a’ gnathach a leithid so do dh’ obair ullachai, cha ’n ’eil é leantuinn aon doigh no tomhas air oibreacha leis na h uile dhaoin’ ann san obair sin, mar a chluinneas sinn. Chum an obair ullachai so a laimhseacha ni ’s mionaidich, ainmichi’ sinn gu h aith-ghearr’ na doighibh is ro ghnáthaichte leis a’ bheil an t Uile- [TD 28] chumhachdach a’ treoracha dhaoin’ air mhodh slainteil chum a chúmhnanta, ’s leis a’bheil sé ’g an tarruing a dh’ ionnsui CHRIOSD. AIR tús, Tha cuid eigin air an gairm o’n bhroinn, mar bha Eoin Baiste, Luc. i. 41, 44. no ann am bliadhnuibh an ro-óige, mun d’ theid iad fad air an aodhart le ’n gniomharraibh ann slighe Shatain, mar bha Timoteus, 2 Tim. iii. 15. Cha’n urra sinn a shaoilsinn gu bheil aig a mhuinntir so a shamhuil sin do dh’obair roi’-ullachai mu bheil sinne ri labhairt. ’S do bhri gu’m faod cuid eigin a ghabhail os laimh gu bheil iad fein gu h éifeachdach air an gairm air a mhodh so, tha sinn a’ cuir far comhair na comharan so a leanas mar dhearbhadh air a chúis, leis am faod a mhuinntir a tha mar so air an gairm bhi air an daighneacha ’n an dóchas. 1. Tha ’n samhuil so do mhuinntir o aois an óige, air an cleachda bhi air an cumail saor o thruailli’eachd ghnáthaichte, leis am bitheanta le cloinn bhi air an truaille’; mar tha mionnan, breugan, fanoid air creidimh ’s air daoine diadhui, &c. A mhuinntir ud a tha DIA gairm gu h éifeachdach, tha é ’g an naomhach o ám na gairm éifeachdaich sin: “Cha ’n fhaod uachdranachd a bhi aig a pheacadh os an cionn,” mar bhios aig’ air daoin’ eile, “do bhri’ gu bheil iad fui’ ghrás,” Rom. vi. 14. 2. Tha creidimh, mar gu’m b’ ann, nádurra dhoibh; seadh, cha ’n fheum iad am brosnucha chum dleasnais chrábhach a cho’-liona, ’n uair nach ’eil iad ach direach ’n an cloinn: tha iad a’ruith gu deónach togarrach air an t slighe sin, air son gu bheil rún gráidh o ’n leith a stigh ’g an co’-éigneacha, 2 Cor. v. 14. air chor ’s gu bheil [TD 29] iad gan toirt fein suas mar sheirbheisich fíreantachd, gun cho’-éigneach air bith o’n leith a-muigh, Rom. vi. 16. 3. Ge nach ’eil fios aig a mhuinntir so c’uin a dh’ fhás iad ann tús eolach air DIA; gidheadh tha ’n diaigh laimh aca na h urrad do ghná-obair spiòraid a’tuiteam amach, mu bheil na naoimh san sgriobtuir a’labhairt, air nach ’eil againn cúnndas mu’n ceud iompacha. Tha iad air an druideadh amach o DHIA, air son aobhair eigin ann drást agus a rithist, agus tha comas aca teachd ni ’s dlúithe dhá a rithist le’m fiosracha fein: tha ’n cridhe mar an ceudna air fhosgla ni’s mó trid nan orduighibh, mar tha é air a’radh mu Lidia, Gniomh. xvi. 14. ’S bitheanta leo gu’n cuimhnich iad, ’n uair bha ponnc áraid do chreidimh agus do dhleasnas, no ’n uair bha peacadh áraid do nach do mhothaich iad roimh, air fhoillseacha dhoibh. Tha móran aig a mhuinntir sin a dh’ fhaodas na nithe sin a cho’-chur riu fein, r’a radh mu thimchioll an gairm éifeachdach o áois an óige. San dara h áite, Tha cuid eigin air an toirt a dh’ionnsui CHRIOSD ann slighe cumhachd an t soisgeil, ’n uair tha’n TIGHEARNA, le beagan do bhriathra gráidh a tha sluga’ suas obair an lagha, a’ deanamh priosunach do neach gu grad sa cheud dol amach, mar rinn é air Saccheus, Luc. xix. agus air muinntir eile, a thréig gach ni bha aca ’s a lean CRIOSD, ’n uair a labhair é aon fhocal riu; ’s cha’n ’eil sinn a’cluinntin iomradh air bith gun do bhuineadh riu le lagh obair mun do ghabh iad ri CRIOSD. Agus do bhri’ gu’m faod móran a’radh gu bheil a ghairm éifeachdach so aca fein, labhrui sinn [TD 30] cáil-eigin mu nithe ro-chomharaicht’ ann cúis Shaccheus, chum a chúis a shoilleireacha dhoibh, agus an daighneacha ’nam barail. 1. Bha cáil-eigin do dhéidh aig’ air CRIOSD fhaicinn, déidh a thug air an ni sin a sheachnadh a mheasadh cuid-eigin gum bu chrionnachd agus gliocas é, ’n uair a streap é suas ri craoibh chum easan fhaicinn. 2. Labhair CRIOSD air mhodh éifeachdach r’a chridhe, agus dhrúigh am focal sin air co mór, ’s gun do ghabh é gu grad ri tairgse CHRIOSD le gáirdeachas, agus ghabh é ris mar a THIGHEARNA, ’n uair nach raibh ach ro bheag do dhaoine cumhachdach na rioghachd ’ga leantuinn. 3. Ann sin dh’fhosgail a chridhe do na bochdaibh, ge d’ a bha é bhri’ coltais ’na dhuine sanntach roimh. 4. Bha mothach iomchuidh aig’ air a chaithe-beatha san ám a chaidh seachad, a’ nochdadh a shuim do lagh Mhaois; agus tha é leige’ so fhaicinn am fianais na bha san láthair uile, gun umhail aig’ é fein a mhasluch ann sna nithe sin a bha maithe a dh’ fhaoide folaicht o ’n t saoghal. Ann diaigh so uile, dhaighnich CRIOSD an cúmhnanta le fhocal; a’ cliuthacha dha an aonachd dáimh sin, a bhuineadh a bhi eadar é fein agus na naoimh, agus smuainte mu a staid chaillte fein, mar d’thige’ CRIOSD d’a iarrui, ’s mar faigheadh sé é: tha gach ni dhiu so soilleir o Luc. xix. 3,—10. Tha sinn a’g aideacha gu bheil an TIGHEARNA DIA a’gairm dream-eigin air a mhodh so, ’s ma dh’ fhaodas neach air bith cóir agradh air na nithe áraid mun do labhair sin, tha dearbha laidir aca o ’n sgriobtuir sin, gun do bhuin DIA air mhodh grásmhor riu: ni mó tha iad r’a ghabh- [TD 31] ail gu h olc nach ’eil aca lagh-obair ullachai gu soilleir air a h oibreach ionnta, ma thug an cridhe lán-ghéill do dh’ IOSA CRIOSD; oir cha’n’ eil lagh-obair r’a miannuch, ach a chum na criche so. Air an aobhar sin tha CRIOSD ’ga thairgse fein gu direach ann san sgriobtuir, agus tha cuireadh aig daoine teachd d’a ionnsuidh: agus ge nach d’ thig móran d’a ionnsui-se neach a tha ’na Urras, gus an cuir Spiorad na daorsa thuige gu teann iad air son an * ainmheich; gidheadh nan teiche neach air bith a dh’ionnsui CHRIOSD, agus lán ghéill a thoirt da, le mothach air a staid chaillte, cha’n fhaodadh aon neach le barandas lagh-obair a sparradh air. Mu dheimhin dhaoin’ eil’, air ’n do chuir CRIOSD iompaidh le fhocal chum a leantuinn; ge b’ é ni a rinn é, no ge b’ é doigh air ’n do labhair é riu ’n uair a choinnich é ’n tús iad, ’s eigin duinn gu riasond’ a shaoilsinn, gun do nochd é na h urrad d’am feumalachd fein, agus d’a iomlaineachd ’s d’a ro-oirdheirceas fein dhoibh, air chor ’s gun do rúnaich iad an t iomlan fhágail, agus ruith le dian thogradh gu ro dheóineach as a dhiaigh; ’s mu dh’ oibricheas é air a mhodh so air neach sam bith, cha’n ’eil sinn a’g iarrui tuille, do bhri’ gu bheil iad leis an fhoillseacha sin a’ faicinn am feum ro mhór tha ac’ air an léigh. Air chor ’s uaithe so uile, mar a dh’ fhaodas cuid-eigin bhi air an daighneacha ’s air an neartucha, ris ’n do bhuin DIA air an doigh so; mar an ceudna, cha’n ’eil stéigh na aobhar aig anmaibh meallta chum iad fein a chuir ann deadh dhóchas mu thimchioll an staid, a tha fantuinn ain-eolach agus neo-mothachail air an truaigh fein, agus air * am fiachaibh [TD 32] uil’-fhoghaintichead CHRIOSD chum an saoradh o’n truaighe mu thig iad d’a ionnsui. San treas áite, Tha cuid eile air an toirt a dh’ ionnsui CHRIOSD air dhoigh tha nochda ni’s soilleir’ a shaor ghrás; agus ’s é so, ’n uair a ghairmeas é daoin’ air mhodh éifeachdach aig uair a bháis. Tha sinn a’ faicinn cáil-eigin air a chuir sios mun doigh so ann lan-eisimpleir sin a mheairlich air a chrois. Luc. xxiii. 39,—43. Ge nach ’eil buntainn ro mhór aige so ris an ni mu bheil sinn a’ labhairt; gidheadh labhrui sinn cáil-eigin mu thimchioll, chum ’s air an dara laimh nach bi daoine ro obainn ann toirt breith orra fein no air daoin ’eile, roimh ’n deo mu dheire. Agus soilleirichidh sinn é air an laimh eil’, air dhoigh ’s nach bi chridhe aig daoine dáil a chuir ann cúis cho cud-thromach gus an uair mu dheire d’am beatha. Tha sinn a’ faicinn na nithe sin ro-shonraicht’ ann sa chúis sin eadar CRIOSD agus an gaduich. 1. Tha ’n duin’ a’ cuir amach air a chompanach bha aige roimhe. 2. Cha ’n ’eil a chridh’ aig’ aon droch fhocal a labhairt mu DHIA, ach sann a tha é ’ga fhìreanach ann sgach ni a thachair dha fein. 3. Tha é ’nois’ a’ faicinn IOSA CRIOSD air a gheur-leanmhuinn gu ro ea-corach le daoine, gun chion-fáth. 4. Tha é toirt fainear gur Tighearn’ agus gur Righ IOSA CRIOSD, ’n uair tha naimhdean mi-runach a’deanamh táir air. 5. Tha é creidsinn cho cinnteach gum bi glóir shiorruith ann ann diaigh báis, ’s gu bheil é gabhail pórsan d’eth mar raoghain air tearuinteachd a bheatha chorporra san ám a tha láthair; agus bha dearbh fhios aige gun raibh CRIOSD lán-chomasach air sin a thoirt da san ám sin, agus dh’fhaodadh é sin [TD 33] a roighneacha maille ris a ghaduich eile. 6. Ge d’a bha barail co iosal aig air fein, ’s nach do ghuidh é ach gu’n cuimhniche CRIOSD air; gidheadh ’s maith a bha é cho dána is é fein a lán earbsa ri Fhear-Saoruidh beannuichte; agus bha na h urrad chreidimh aig’ ann uil-fhoghaintichead CHRIOSD, ’s gun do mheas é gum bu leoir cuimhneacha CHRIOSD, chum a lán-ghnothach a dheanamh. 7. Cho-aontaich é gu blasta leis an fhocal a labhair CRIOSD ris, mar stéigh a cho’-fhurtachd. Tha iad so uile ro shoilleir ann cúis an duine bhochd sin a bha aig uair a bháis, ’s tha iad a’ dearbha gun d’ oibrich DIA gu ro-éifeachdach air a chridhe. Mar a dh’fhaodas na nithe roi’-ainmichte sin misneach a thoirt do chuid do dhaoine chum dáil a chuir ann aithreachas, agus feitheamh ri maith fhaotainn o DHIA, nach fhaod fhathasd cóir shoilleir agradh air a bheag sam bith do dh’obair ghrásmhor Spiorad DHE; tha sinn a’g aslucha gu deineachdach dúrachdach air gach uile neach, mar is toigh leo an anmaibh fein, gun dáil a chuir ann gnothach cud-thromach an anma, ann dóchas ri leithid so do chómhnadh éifeachdach ó CHRIOSD ann deireadh an laithibh, mar tha móran a’deanamh; air dha so a bhi ’n a fhior mhiorbhuil trócair, leis a ghlóir leis an d’ thug CRIOSD buaidh-chaithreim air sgainneil a chroinn-cheusai; ’s tha é cruaidh oirn a shamhuil so fhaotainn ann earran air bith eile do’n sgriobtuir. Seadh, mar nach ’eil ach beag uil’ air an sábhala, Mat. xx. 16. “Tha moran air an gairm, ach beag air an taghadh;” agus ro bheag air an sábhaladh air an doigh so: Mar so bhagair an TIGH- [TD 34] EARNA gu ro chinnteach gun dean é gáire mu ámghar, ’s nach éisd é ri glaodh na muinntir sin a rinn roimhe so fanoid air a smachduch, ’s a thug cluas bhothar dha ’n uair a ghlaodh é riu, Gná. i. 24, 25, 26. “Do bhri’ gun do ghairm mi, ’s gun do dhiult sibhse; shín mi ’mach mo lámh ’s cha do ghabh neach sam bith suim dhiom; ach sann a chuir sibh a’neo-bri’ mo chomhairl’ uile, ’s cha b’ áill libh a h aon do m’ achmhasain: ni mise fós gáire ’n uair a thig bhur n ámhgar, ’s ni mi fanoid ’n uair a thig bhur n eagal.” Ge nach ’eil an sgriobtuir so a’ druide’ dorus trócair air aon neach, a tha gu treibh-dhireach ’ga cheasnucha fein aig uair a bháis, ’s a tha teiche’ le mothach air a thruaigh fein a dh’ ionnsui CHRIOSD árd léigh an anma, mar rinn an gaduich aithreachail so; gidheadh ’s ni cinnteach, gu bheil é ciallucha nach ’eil ach ro bheag, a tha cuir cúl ris an tairgse gus a sin, a tha air an onoracha le aithreachas iomlan mar bha easan; agus do bhri’ nach ’eil an glaodh dúrachdach agus do’n t seorta cheart, cha ’n éisdear ris. Gun iompaicheadh an DIA uile-leirsinneach daoine chum bhi treibh-dhireach dúrachdach ann aithreachas tráthail a dheanamh, am fad ’s a mhaireas latha tairgse n’an grás, mun d’ thig orr’ oi’che tinnis agus báis, ann snach bi aca comas aithreachas a dheanamh. [TD 35] CAIB. V. Obair an lagha leis a’ bheil an TIGHEARN’ a’g ullach’ a shlighe do dh’anmaibh dhaoine; a tha ’n dara cuid ni ’s neartmhoir agus ni ’s ealamh, no ni’ s ciúineadh agus ni’s sochdraiche. ’S E ’n ceathramh, ’s an doigh is gnáthaichte leis a’bheil móran air an toirt a dh ’ionnsui CHRIOSD, le obair shoilleir sho-fhaicsinnich an lagha, ’s le irisleacha, ris an abair sinn gu minic “Spiorad na daorsa,” mar a thuirt sinn roimhe. Cha ’n ’eil sinn a’ ciallucha gu bheil gach neach aig a’bheil a choguis air a dúsgadh le peaca ’s le eagal feirge, a’gabhail d’a ríreadh ri CRIOSD air mhodh slainteil; oir tha cheart atharracha soilleir o Chain, Saul, Judas, &c. Ach tha geur-mhothacha peacai, dúsga’ coguis, agus obair irisleachadh ann, a tha, mar a shoilleiricheas sinn iad, ro ainmig a’ teachd gaoirid air crioch ghrásmhor, ach ’s bitheanta leis na nithe sin daoin’ iompacha chum Spiorad na h uchd-mhacachd, agus chum obair ghrásmhor Spiorad DHE. Agus do bhri’ gu bheil an TIGHEARNA DIA a ’buntuinn ri móran pheacach air a mhodh so, ’s gu bheil é cruaidh air móran breith neo-chlaon a thoirt air an lagh-obair, labhrui sinn mu thimchioll gach earran do ’n obair fa leith. Tha ’n obair so an dara cuid air a toirt mu’n cuairt gu neartmhor grad, air neo gu socrach fóill air a síneadh amach car úin’ is mó, air chor ’s gu bheil a h oibreacha so mhothachaidh agus ro fhollaiseach. Tha mi ’g radh, gu bheil i ni’s [TD 36] neartmhor agus ni’s déineadh ann cuid eigin, mar ann am fear coimhead a phriosuin, Pol, agus ann cuid eile do chreidích ann leabhar Gniomhartha nan Abstol, air ’n do bhrúchd CRIOSD a stigh gu grad, ’s air an d’thug é buaidh mar le teine ’s le faobhar a chloidheamh, ’s a thug é gu ro dhian am bruid iad; agus do bhri’ gu bheil cuid do mhór ghluasad an lagha ro mhealltach a’ tionnda gu neo’-ni, mar ’eil chum ni’s measa, nochdai sinn nithe eigin ro chomharaicht’ ann sna daoin’ iompaichte sin air ’n do labhra’ roimhe, a dhearbh gun d’thug obair an lagha amach crioch agus toradh grásmhor. 1. Tha focal no frithealadh eigin, a’ cuir duine gu amharus uabhasach le mór ghluasad san anam: Tha cuid air am bioradh ’n an cridhe, Gniomh. ii. 37. tha dream eil’ a’ criothnacha, Gniomh. xvi. 29. Agus tha ’n gluasad so cho éifeachdach, ’s gu bheil an duin’ air a thoirt gu ceann a chomhairle: “Ciod is áill leat mis’ a dheanamh?” ar-sa Pól, Gniomh. ix. 6. “Ciod is eigin domh dheanamh chum bhi air mo shábhaladh?” ar-sa fear coimhead a phriosuin, Gniomh. xvi. 30. 2. Tha ’n duine lán toileach slaint’ agus cáirdeas DHIA bhi aige air chúmhnant air bith, mar tha cheist a’ ciallucha, “Ciod a ni mi?” mar gun abradh é, Ciod nach deanainn? ciod nach treiginn? ciod nach fuilginn? 3. Tha ’n duin’ a’gabhail a chúmhnanta tha air a thairgse le CRIOSD ’s le luchd muinntir, mar tha é soilleir o na sgriobtuiribh roi’-ainmicht’. 4. Tha ’n duin’ air ball a dh’aon inntin ris na naoimh, a’ gabhail leis a mhuinntir sin a tha air an geur-leanmhuinn, a’toirt urram do’n dream air an d’ rinn é roimhe geur-leanmhuinn, a’g aontacha leo [TD 37] ’s a’ buanacha maille riu ann aidmheil CHRIOSD ann sgach cunnart agus d’ fheuchainn. Tha móran aig a mhuinntir ris ’n do bhuin DIA air an doigh so, r’a radh mu thimchioll obair ghrásmhor Spiorad DHE ionnta fein; ’s tha é coltach, gu’m faod móran an obair ghrásmhor so a chomharach o shamhuil sin do dh’ ám, do dh’ fhocal no do fhritheala, ’s gu bheil iad murrach air cáil-eigin do chúnntas a thoirt air na thachair eadar DIA nam feart agus iad fein, ’s air an atharracha mhothachail a bha air oibreach orra san ám sin, mar tha Pól a’ toirt lán-chunntas mu oibreacha DHIA ann fein ann diaigh laimhe, Gniomh. xxii. A rithist, tha ’n TIGHEARN’ air uairibh a’ toirt na h oibre so air a h aghai ni’s ciúine shocraiche, ’s ni ’s tosdaich, a’ tarruing na h urrad úine, ’s gu bheil gach earran fa leith do ghnáthacha dhaoine ro shoilleir so-fhaicinn. Thairneadh é móran d’ar n úine nam mínicheamaid gach earran fa leith do ’n obair so: ach cha d’ thoir sinn fainear ach na nithe is ro shoilleireadh ann sa chúis. 1. Tha DIA a’ cuairteacha dhaoin’ a dhiult gu bitheanta, faodaidh é bith, iad fein a striochda dha, a tha ga thairgse fein ’na órduighibh; agus le focal eigin air a shearmonach, air a leughadh, no air a sparradh air an inntin, no le freasdal eigin a’treorach a stigh a chum an fhocail, tha é toirt ionnsuidh air an tigh a bha air a choimhead gu sioth-chail leis an duine láidir an diabhol; ’s mar so tha CRIOSD, neach a tha ’na dhuine ni’s láidire, a’ teachd air agus ga cheannsucha, Luc. xi. 22. ’s le Spiorad na firinn, a ’ceangal an fhocail air an duine, ann sa bheil fearg DHE air a bhagradh ann aghai an samhuil so na sud do pheacaibh, a [TD 38] tha fios aig an duine gu bheil é fein ciontach dhiu. Tha ’n Spiorad a’ cuir iompaidh air an duine, ’s a’ cuir am fiachaibh air, gur é fein an ceart neach ann aghai bheil focal DIA a’ labhairt, do bhri gu bheil é ciontach do’n samhuil sin do pheacaidh; agus o mhothach air cuid do pheacaibh tha ’n duin’ air a threóracha chum tuille dhiu fhaicinn, gus am bitheanta leis sealladh fhaotainn air seacharain aois óige, peacai dearmad, &c. Seadh, tha é air a thoirt air aghai gus a’ bheil é ’ga fhaicinn fein, gu h inbh bhig, ciontach do bhriseadh an lagha gu h iomlan: tha é faicinn “uilc gun áireamh ’ga chuairteacha,” mar tha Daibhi a’ labhairt ann an earran d’a ghnáthacha, Salm xl. 12. Chi duin’ air uaire sealladh ro ghráineil air a pheacadh ann san staid so, ’s tha é furachair geur-sheallach chum a mheas gu bheil é fein ciontach gu inbh bhig do gach peacadh air an cual é iomradh. Mar so “tha ’n Spiorad a’ toirt dearbh-shoilleireachd air a pheacadh,” Eoin xvi.8. 2. Tha ’n t Uile-chumhachach a’ cuir air chrith ionad áraid laidir ann san daighneach, dídein bhreug, d’a bheil an duin’ a’teiche ’n uair tha pheacadh air a mhodh so air am foillseacha dhá. Tha ’n duine truagh a’ gabhail os laimh gu bheil creidimh aig’ ann CRIOSD, leis a’ bheil é am barail gu bheil uallach air a thoirt dh’eth, mar a thuirt na Pharaisich, Eoin viii. 41. “Tha aon Athair againn eadhoin DIA.” Tha iad a’ deanamh dh’eth gu bheil dáimh áraid aca ri DIA mar an aon TIGHEARNA. Tha Spiorad an DE bheo a’ cuir duin’ as a bheachd so le firinn an sgriobtuir, a’ dearbha nach ’eil aige fior chreidimh, ’s mar sin nach ’eil cóir aig’ air CRIOSD, no idir fior ghrás slainteil; a’nochdadh eadar-dhealucha soil- [TD 39] leir eadar fior ghrás, agus na baraile cealgach a bha aig an duin’ ann fein; agus an t eadar-dhealucha tha eadar é fein agus a mhuinntir a tha ’n am fior chreid’ich, mar shaothraich CRIOSD a dheanamh dhoibh-sin ann Eoin viii. 42, 44. “Nam b’é DIA bhur n Athair, ghrádhaiche sibh mise. Tha sibhse o’n diabhol, oir tha sibh a’deanamh ana-miannaibh a shamhuil sin do dh’ athair.” Air chor ’s gu bheil “eagal a’glacadh a chealgoir ’n a chridhe,” Isa. xxxiii. 14. gu h áraidh ’n uair tha DIA a’ foillseacha dha cúmhnantan ann am móran do na geallaine sin, ann sam bu mhó an raibh é cuir ga dhóchas, ro dhuilich fhaotainn; tha é ’nois’ a’ mothacha gur ni eigin eile grás agus creidimh, ’s nach iad idir na nithe a shaoil leis roimhe so bha ionnta. Faodai sinn ann seadh eigin am focal sin a cho’-chur san áite so, “Tha ’n Spiorad a’ toirt dearbh-shoilleireachd dha mu pheaca, do bhri’ nach do chreid é ann sa Mhac,” tha geur-mhothach air a thoirt da gu sonruichte mu mhi-chreideamh, Eoin xvi. 9. Tha é ’nois’ a’faicinn eadar-dhealucha mór eadar é fein ’s na daoine diadhuidh, a shaoil leis roimhe so nach raibh murrachas sam bith ac’ air fein, ach amháin ann a’mion-fhoirm uaimhreach, fhuathach, neo’-fheumail; tha é ’nois’ a’ faicinn gu bheil é air a mhealladh, agus air an t slighe leathain maille ris an t sluagh a tha dol a mugha; ’s mar so, leis an t sealladh so air a thruaighe, tha é croma sios fa uallaich fein, a shaoil é roi ’n ám so, gun raibh CRIOSD ga ghiulan air a shon; tha é ’nois’ a’ gabhail eagail roi’ na geallainean, air son nam briatha so ’s an leithid eile, “Ciod do ghnothach ri m’ chúmhnant a ghabhail a’ d’ bheul? &c.” Salm l. 16. [TD 40] 3. Tha ’n duin’ a’ fás cúramach mu shlainte, ’s a’ toiseach air suim a ghabhail do’n chúis, mar an t aon ni feumail; tha é air a thoirt chum na h inbhe so maille ri fear coimhead a phriosuin, Gniomh. xvi. 30. “Ciod a ni mi chum bhi air mo shábhala?” ’S é slaint’ anama an ni is mó tha cuir do dh’ iomaguin air: ’s é sin an ni bu lugha bha ’na aire roimh so, ach anois’ tha é faghail buaidh air, ’s cha ’n ’eil mór shuim aige do nithe eile. Do bhri’ gu bheil anam ullamh gu dol a mugha, ciod a bhuannachd a ni é dha ge d’ a chosnadh é ’n saoghal, ma chailleas é anam? Mat. xvi. 26. Tha cuid eigin ann so tha air an cuir thuige gu ro mhór le smuaintibh mu órdugh neo-mhúighteach DHE chum an cron, ’s le eagal báis neo-chinnteach, a dh’fhaodas an glacadh mu ’m faigh iad gnothaichean a thoirt gu crich; ’s tha daoin’ eil’ ann a tha air an crádh le smuaintibh, gu bheil iad ciontach do ’n pheacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh, ann snach faighear maitheanas, ’s a tha air an tarruing air an doigh so gu staid ro chunnartach, agus Satan a’ nochda dhoibh iomad eisimpleir thruagh, mu dhaoin’ a chuir gu brónach crioch air an gnáthacha fein: ach tha iadsan ann lamhaibh neach, aig a bheil dearbh-fhios cionnas a ni é cómhna’ riusan a tha air am buaireadh, Eabh. ii. 18. 4. ’N uair tha duine mar so ann cunnart tuiteam, tha’n DIA trocaireach a’ gnáthach obair thrócair chum a chumail suas gu sámhach díomhair os n iosal; ’s a’ foillseacha d’a inntin gur comasach dhá bhi air a shábhaladh, a’ treórach an duine gu cuimhneach air dearbha-láidir mu shaor ghrás saibhir DHE, a tha toirt maitheanas ann am pea- [TD 41] caibh ann-trom, mar bha Manasses, neach a bha ’na fhear iodhal-aodhrai ’s ’na dhuine fuilteach, ’s aig an raibh comunn ris an diabhal, ’s gidheadh fhuair é maitheanas, 2 Chron. xxxiii. 12, 13. agus iomad earran eile do’n sgriobtuir a tha tairgse grás agus fábhar DHE do gach aon neach a bheir géill do CHRIOSD, ge b’é ni d’ an raibh iad ciontach san ám a chaidh seachad; air chor ’s gu bheil an duin’ air a thoirt a rithist chum na h inbhe so, “Ciod a ni mi chum bhi air mo shábhala?” ni tha ciallucha, gu bheil é ann am barail gur comasach dhá bhi air a shábhaladh, air neo cha chuireadh é cheist. Tha é co’-chur an fhocail so no leithid eile ris fein, “Faodai é bith, gu’m bi sibh air bhur folach ann latha feirg an TIGHEARNA,” Seph. ii. 3. Ni bheil é ’nois’ a’faicinn ni air bith ga bhacadh o thrócair, ma tha chridhe toileach gabhail ris. Gidheadh, faodai é bith, nach ’eil an duin’ a’ toirt fainear, gu’r é an TIGHEARNA DIA tha ga chumail suas san ám so, ach faodai é aithris ann diaigh so, “’N uair bha chos a’ sleumhnacha, gun do chum trócair DHIA suas é;” mar a chi sinn Salm xciv. 17, 18. an Salmadoir a’ labhairt ann cúis eile. Agus their é ann diaigh sin, ’N uair bha é “mar bhrúid, ’s mar amadan,” air ioma doigh, “gun do chum DIA suas air laimh é,” Sal. lxxiii. 22, 23. 5. ’N diaigh dha fhaotainn amach mar so, gur comasach dhá bhi air a thearnadh, tha obair tograidh air a beothach ann san anam; ni tha lán shoilleir o na briathraibh ceudna, “Ciod a ni mi chum bhi air mo shábhaladh?” Ach air uairibh tha ’n togra so air a stiuradh gu docharach, ’n uair tha é dol amach air a mhodh so, “Ciod a ni mi [TD 42] chum ’s gun oibrich mi oibre DHE?” Eoin vi. 28. Ann san staid so, tha ’n duin’ a bha roi’ so ro iomagaineach le geilt-chrith agus cúram mu thimchioll a shlainte, toileach anois’ air obair eigin leis fein a dheanamh chum a shaoradh o thruaighe shiorruith: ’s ann so tha é gu grad a’ cuir roimhe gun dean é gach ni tha air áithne, ’s gun treig é gach droch shlighe, (gidheadh a’ dearmad cómhnadh CHRIOSD iarruidh) ’s mar sin tha é tionnsgnadh air cáil-eigin do mhisnich a ghabhail d’a ionnsui fein a rithist, “a’ cuir fhíreantachd fein air chois, gun bhi stríochda do dh’ fhíreantachd CHRIOSD,” Rom. x. 3. Air an aobhar sin, tha ’n t Uile-chumhachdach a’ toirt ionnsuidh eil’ air, a’ cuir roimh a staid chaillte ann fein a nochda dha, air chor ’s gu’m faic é ’m feum anabarrach a tha aig’ air an Urras, eadhoin air IOSA CRIOSD; mar rinn Iosua air a phobull, ’n uair a chunnaic é gun raibh iad cho ann-dána ’n an oirp, Ios. xxiv. 18, 19. “Cha ’n urrain duibh seirbheis a dheanamh do’n TIGHEARN’,” ars’ easan, “oir is DIA naomh éudmhor é,” &c. Tha DIA ann san ionnsui so tha é ’toirt air an duine, 1. A’g aoma ’na aghai nádur spioradail an lagha; tha ’n áithne teachd le nuadh iartas ’na sheadh spioradail, Rom. vii. 9. “Thainig an lagh,” ar-sa Pól, ’s é sin, ’na sheadh spioradail; cha d’ fhuair Pól a shamhuil so do shealladh air an lagh riamh roimh. 2. Tha DIA air mhodh ro naomh a’ fuasgla na ’n cuibhreach teann, a leag é air truailli’eachd an duine, ’s cha ’n é amháin gu bheil é fulang dha oibreach agus at’ san leith a stigh, ach a’ bagra gu’m brúchd é a mach ann sna buill uil’ o’n leith a muigh. Mar [TD 43] so tha ’m peacadh a’ fás ro dhána, a’cuir an lagha ann neo-shuim, ’s a fás ro pheacach, Rom. vii. 8, 9. “Ach air do’n pheaca fáth a ghabhail tre ’n áithne, dh’ oibrich sé annam gach uile ghné ann-tograidh. Oir as eugais an lagha bha ’m peaca marbh. Ach bha mise beo uair-eigin as eug’ais an lagha: ach air teachd do’n áithne, dh’ ath-bheothaich am peacadh, agus fhuair mise bás, rann 13. An d’ rinneadh an ni sin a tha maith, ’na bhás damhsa: Nar leige’ DIA. Ach am peaca, chum gu ’m faicte gur peacadh é, ag oibreacha báis annamsa, leis an ni sin a tha maith; chum tre ’n áithne gu ’m fásadh am peaca ro pheacach.” 3. Tha DIA san ám so a’ nochda tuille do ’n duine, na nochd é riamh roimh dhá, neo-ghloineadh fhíreantachd, agus na smalain a tha ann ’s na nithe is fearr tha aige. Tha na nithe sin a’ marbhadh an duine, ’s tha é faghail a bháis ’na bharail fein, Rom. vii. 9. ’s tha é cáll na fiuthair a bha aige ri cómhnadh ann fein, mar d’ thig é o ionad eile. 6. Ann sin ann diaigh d’a smuaintibh bhi ro iomarcach, ’s bitheanta leis an duine chuir roimh dol chum ionad eigin diomhair; tha toil aige bhi na aonar, cha ’n urrain é cuideachd agus companas a ghleidheadh mar b’ ábhaist da; coltach riusan a tha ann am baile tha air a chuairteacha le naimhdean mi-runach, ’n uair tha iad a’ mothacha gur eigin doibh stríochda, bithidh iad ro dheónach air tighinn ann ceann-córdai ris na naimhdean chum cúmhnantan maith air bith a ghabhail uatha, tha iad air ball a’ dol chum comhairle, chum ’s gun cuir iad an comhairle r’a chéile, ’s gun súnraich iad air na ni iad. Air an amhuil cheudna tha ’n duin’ a’ triall ann uaigneas, [TD 44] chum ’s gu ’m faigh é co’-throm air labhairt ris fein mu thimchioll an ni so mu bheil é fui’ mhór iomaguin. Mar so tha DIA a’ treóracha do’n fhásach, chum ’s gun labhair é ris a chridhe, Hos, ii. 14. ’N uair tha ’n duin’ air dol ann uaigneas, tha smuaintibh a chridhe, a bha sgaoilt’ ann toiseach na h oibreadh, a’ dúmhlacha ni ’s soilleireadh a’ stigh ann so. Agus bheir sinn na smuainte sin chum na riaghailt so a leanas. 1. Tha ’n duin’ a’ beachd-smuainteach air amaideachd neo-bhuadhar fein, le bhi giulan airm ann aghai DHE; agus tha smuainte cud-thromach aige mu thimchioll a ghiulain san ám a chaidh seachad, le rugha’ gruaidh, ’s le fein-fhuath, Esec. xxxvi. 31. “’N sin cuimhnichi sibh air bhur droch shlighibh, ’s air, bhur droch ghniomharthaibh, agus bheir sibh fuath dhuibh fein, &c.” coltach ri Salm li. 3. “Tha pheaca do ghná ’na fhianais.” 2. Tha é ’n sin a’ cuimhneach air a choi’-lion co’-throm príseil air géill a thoirt do DHIA a mhi-bhuilich é gu maslach; ’s tha spiorad ann cunnart fáillneacha le bhi cuimhneach air na nithe sin, mar tha é air a’radh ann cúis eile, Salm xlii. 4, 5, 6. “’N uair a chuimhnicheas mi na nithe sin, tha mi taosgadh amach mo chridhe.—C’ ar son a tha thu air do leaga sios, O m’ anam? c’ar son a tha thu fui’ thriobluid ionnam?—O mo DHIA, tha m’anam air tuiteam sios an taobh a stigh dhiom.—” 3. Tha é ’nois’ a’ smaointeach air ioma Criosduidh, air an d’ rinn é fanoid agus táir ’n a chridhe, a’ baralach aige fein gu bheil iadsan sonadh, air dhoibh an raoghain is fearr a thogail; tha é smaointeach air staid na muinntir a tha feitheamh air CRIOSD, mar bha Bannrigh Sheba a’g radh mu sheirbheisich Sholamh; [TD 45] “Is sonadh do sheirbheisich,” ars’ ise, “a tha do ghná ’n an seasamh a’ d’ fhianuis, ’s a tha ’g éisdeachd do ghliocais,” 1 Righ x. 8. “’S beannuicht’ a mhuinntir a tha ’gabhail cómhnuidh a’ d’ thigh, &c.” Salm lxxxiv. 4. Bu mhiann leis a bhi ’n a aon do’n mhuinntir is suarraich a bhuineas do DHIA, mar tha mac struidheil a’g radh, bu mhiannach leis a bhi mar aon do luchd tuarasdail Athar, Luc. xv. 17, 19. 4. ’N sin tha é cuimhneach an deagh chliu a chaidh a mach mu thimchioll DHE, a reir na fianais sin, Ion. iv. 2. bha fios aig an fháidh gun raibh é “’na DHIA grásmhor agus trócaireach, máll chum feirg, agus saibhir pailt ann an grás, &c.” Tha saor gheallainean mór agus tairgse n’an grás a’ teachd a stigh ann so; ’s na h oibribh glóirmhor a chaidh chuir ann gniomh air gach seórta pheacach, a reir cliu DHE san sgriobtuir. 5. Tha é breithneacha ris fein, C’ar son a choigil DIA mi cho fada? ’s ciod uime fhuair mi a leithid so do shealladh air mo pheaca? ’s c’ar son a chum é suas mi gu nuig an uair so, gun mi chuir láimhe ionnam fein, ann slighe eigin neo-shonadh a roighneacha dhamh fein chum dol as an iomaguin fui’n raibh mi? ’s c’ar son a rinn é ’n caochla mór so orm? Faodai é bith gu bheil ’n a rún maith a dheanamh orm fhathasd: O nam b’ é sin toil DE, b’ fhearr leom gu ’m biodh a chúis mar sin! Ge nach ’eil na smuainte sin uil’ ann obair ullachai gach aon neach, gidheadh tha iad aig móran, agus ro-choltach far a’ bheil iad. 7. Ann déis nan smuainte sin uile, tha ’n duin’ a’ cuir roimh úrnuigh a dheanamh air mhodh is dúrachdaich na rinn é riamh roimhe, ’s gun d’thoir é oirp theann air cúmhnant a dheanamh ri DIA [TD 46] nam feart; tha é faicinn “nach urrain é bhi ann staid ni’s measa na ann sa bheil é; oir ma dh’ fhanas é mar tha é, básuichidh é,” mar thuirt na lobhair, 2 Righ. vii. 3, 4. Tha é toirt fainear leis a mhac struidheil a bha air a ro theannadh le ocras, gu “bheil aran ni’s leoir, agus r’a sheachnadh “ann tigh an Athar, ge d’ a tha easan a’ básacha le gorta:” Mar so tha é dol a dh’ ionnsui DHE, oir ni bheil fios aige ciod tuill’ a ni é r’a staid, mar rinn a mac struidheil, Luc. xv. 17, 18. ’S faodai é bith, gu bheil é meóraich ’na inntin fein ciod a labhras e, mar bha mac struidheil, Luc. xv. 18, 19, 21. “Eiridh mi, ’s theid mi dh’ ionnsui m’ athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi ’n aghai fhlaitheas, agus a’ d’ láthairse, ’s cha ’n fhiu mi tuille gu’n goirte do mhac dhiom: dean mi mar aon do d’luchd-tuarasdail. Agus dh’ éirich sé, agus thainig é dh’ionnsuidh athar, agus thuirt é ris, Athair, pheacaich mi ann aghai néimh’, agus a’ d’ láthairse, ’s cha ’n fhiu mi tuille gu’n goirte do mhac dhiom.” ’S anoise, ’n uair tha é teachd ann láthair DHE, ni’s follaisiche na thainig é riamh roimhe, 1. Tha é toiseacha mar rinn am Puibliceanach fada air asdar, Luc. xviii. 13. le lán-aidmheil ’s le fein-dhíteadh, ni tha é deanamh gu ro-phailt, mar a chi sinn, Luc. xv. 21. “Pheacaich mi ’n aghai fhlaitheis, agus a’ d’ láthairse, ’s cha ’n fhin mi tuille, &c.” 2. Tha ’nois’ a smuainteadh a’ tionnsgna mu thimchioll éisdeachd úrnuigh, ni nach bu ghná leis a chuir ach ro bheag ann teagamh; tha é tuigsinn ciod tha briathra sin nan naomh, mu thimchioll an úrnuigh éisdeachd, a’ ciallucha. 3. Tha é ro-chomharaicht’ ann san [TD 47] ath-chuinge so, gu bheil móran do chainnt neo-iomlan ann, coltach ri Salm vi. 3. “Ach thusa, O THIGHEARNA, cia fhad?” air a chuir ann géill le osnaibh do-labhairt, Rom. viii. 26. ’s le amharc gu ro thogarrach suas ri ionad cómhnuidh an Uile-chumhachdaich, ’s leis a sin a’ labhairt tuille na’s comasach a chuir ann géill le cainnt. 4. ’S bitheanta le cáil-eigin do stad, agus mar gu’m b’ann, bhi neo-bhunailteach a bhi sa chúis, tha ’n duin’ air uairibh a’ labhairt ris an námhuid, air uairibh a’ labhairt r’a chridhe fein, ’s air uairibh eile ri sluagh an domhain, mar rinn Daibhi ann cúisibh eile, Salm ix. 6. “O thus’ a námhuid tha sgrios a’teachd gu crich bhith-bhuan,” Salm xlii. 5. “C’ar son a tha thu air do leaga’ sios, O m’ anam? ’s ciod uime tha thu fui’ thriobluid? cuir do dhóchas ann an DIA, oir bheir mi cliu dha fhathast air son furtachd a ghnúis,” Salm iv. 2. “O sibhs’ a chlann nan daoine, cia fhad a chaochlas sibh mo ghlóir chum náire?” 5 Tha é soilleir ann so, gu’m bi ’n duin’ air uairibh ’na stad gu tosdach, chum cagraich eigin neo-shoilleir do dh’ fhuaim ait a tha dealradh air an inntin a chluinntin, no sgeul eigin ann am briathra neo-iomlan do ’n sgriobtuir, ’s is maith a dh’fhaoide, gur gann a tha é mothacha gur ann do’n sgriobtuir a tha é, no co dhiu thainig é o DHIA, na o Shatan chum a mhealladh: gidheadh chuir é so roimhe, “gun éisd é amháin ris an ni a labhras an TIGHEARNA DIA,” mar tha ’n Salmadoir a’g radh, Salm lxxxv. 8. 6. Tha geallainean is soilleireadh a’ teachd gu cuimhn’ an duine, air a’ bheil é ’g oirpeacha greim a dheanamh, ach tha é air a chumail air ais le cunnuile, mar tha Daibhi a’ [TD 48] labhairt ann cás eile, Salm xxii. 3, 6. “Tha thusa naomh. ’S ni bheil ionnams’ ach cnuimh.” Tha é ’noise mu thimchioll brise na fáire aig an duine, ro dhlú do bhi lán-shoilleir, agus mosglaidh creidimh co luath ’s a pháirticheas DIA an fhuaim tha aoibhneach ait, Salm lxxxix. 15. ’S é so suim a cho’-cheangail, a dh’ fhaodar a chuir sios gu h aith-ghearr ann sna briathraibh so. “’S é IOSA CRIOSD mo Mhac grádhach ann sa bheil mo mhór-thlachd; éisdibh-se ris.” Cha ’n ’eil é ’n comas duinn labhairt ni ’s faide mu ghnáthacha duine, mar obair roi’-ullachaidh; oir tha tuill’ is obair ullachaidh ann sna nithe a leanas. Gidheadh chum ’s gu’m biodh an gnáthach iomlan, labhrui sinn ann so, ann diaigh nan nithe sin uile gu’m faod é bith, gun iomchair DIA, ann déis ioma freagra do sheórtaibh eugsamhuil, fuaim a cho’-cheangail fein a stigh do’n chridhe, ’s a’ rúnach a chridhe chum gabhail ris; ’s tha DIA mar so a’ tarruing duin’ a dh’ ionnsui CHRIOSD, Eoin vi. 44. ’s a’ dealbh a chridhe amach fa chomhair, air chor ’s nach fhaod é fáillneach ann sa chúis; oir anois’ tha ’n cridhe am fad ’s ann leud freagarrach fa chomhair CHRIOSD, air chor ’s nach urra ni is lugha a shásucha, ’s nach iarr é tuille, mar tha Daibhi a’g radh Salm lxxiii. 25. “Co th’ agam ann sna neamha shuas ach thus’ a DHIA nan dúl? Is ni bheil neach air talamh fós ach thus’ a’ bheil mo dhúil.” Tha ’n t anam anois’ a’ cuir roimhe básucha, ma dh’ iarras DIA air é, gar a’bheil é fhathasd ach aig a dhoras, agus aghai d’ a ionnsui. Tharruing sinn an obair roi’-ullachai so gu cáil-eigin do dh’ fhad, gun bhi ceangal aon neach r’a shamhuil so do dh’ obair ullachaidh mar chaidh [TD 49] a soilleireach ann so; ach amháin, tha sinn a’g radh, gu bheil DIA nan dúl a’buntainn mar so ri cuid eigin: ’s far a bheil é toirt na h urrad do dhearbh-shoilleireachd do dhuine air a pheaca, air a thruailli’eachd, ’s cho neo-chomasach ’s a tha é ann fein air ni maith air bith a dheanamh, ’s a ’toirt air mór chúram a ghabhail d’a shlainte shiorruith, mar an t aon ni feumail: ’s ga chuir gu obair ann gnáthacha na meadhon a dh’ órduich DIA chum cabhair ann ám feuma; tha mi ’g radh, nach bitheant’ a gheibhear amach gun d’thig a samhuil so do dh’ obair gaoirid air crioch mhaith agus ghrásmhor. Gum brosnuiche DIA nam feart daoine chum a chúis a mhion-rannsucha le mor dhúrachd, agus neart agus grás iarruidh air TRIATH na beatha chum an obair a cho’-lionadh. CAIB. VI. An t eadar-dhealuch a tha eadar an lagh-obair ullachai sin aig a’bheil crioch ghrasmhor, agus geur-mhothacha chealgoirean. Cunn. THA gluasad mór coguis, agus geur-mhothacha trom mu thimchioll peacaidh aig cealgoirean ’s aig daoine neo-dhearbhte mi-dhiadhui, ’g an cuir gu obair air uairibh; ’s tha mi fui’ amharus nach ’eil ann aon lagh-obair ullachai bha riamh agams’, ach ion-samhuil na h oibre tha aig a mhuinntir sin. Freag. Bhiodh é ro dhuilich an t eadar-dhealucha cinnteach tha eadar an obair ullachai’ tha ann sa mhuinntir sin ann sa bheil CRIOSD air a [TD 50] dhealbh ann diaigh laimh, agus gluasad an lagha, tha air uairibh ann sna daoine ann-diadhuidh a nochda; mar biodh crioch eigin ghrásmhor aig na geur-mhothacha ’s aig dúsga coguis luchd muinntir an DIA bheo, agus comharan eile m’an labhair sinn ann diaigh so, bhiodh é deachcair r’a chuir ann géill aon eadar-dhealucha soilleir eadar an da chuid ann an gluasaid an lagha. Gidheadh, mar fhreagra do’n chunnuil, nochdai mi nithe eigin, nach bitheant’ a gheibhear ann gluasad nan aingidh, ’s a tha ro ghnáthaicht’ ann san lagh-obair sin aig a’bheil crioch ghrásmhor. 1. Cha ’n ’eil geur mhothacha chealgoirean agus dhaoine neo-dhearbhte, gu bitheant’ ach as leith beagan do pheacaibh ro ann-trom uabhasach. Ni bheil Saul a’g aideach ach geur-leanmhuinn Dhaibhi, agus tha sinn a’ faicinn gun raibh é ciontach do dh’ ioma peacadh os-barr air sin, 1 Sam. xxvi. 21. Caib. xxviii. 7, 8. Cha ’n ’eil Judas a’g aideach ach amháin fuil neo-chiontach a bhrath, Mat. xxvii. 4. Ach ’s bitheanta leis na geur-mhothachaibh sin leis a’bheil DIA a’g ullach a shlighe fein ann san anam, gun iad a stad le cuid-eigin do na peacaibh aideacha, ge d’ a tha iad a’ toiseach aig peacaibh ro ann-trom ghráineil; ach tha ’n duin’ air a threórach air aghai gu ioma ceannairc ann aghai ’n lagha fhaicinn, agus “uilc gun áireamh ’g a chuairteacha,” mar thuirt Daibhi ’n uair a fhuair é sealladh air a pheaca, Salm xl. 12. ’s mar an ceudna, ni bheil an lán gheur-mhothacha sin coit-chionn, mar a chluinneas sinn daoine gun tuigse gu bitheant’ a’ g radh, “gu bheil iad a’ peacach ann sna h uile nithe;” ach tha é sonraicht’ agus iriosal, mar labhair Pól uime fein ann diaigh laimhe; cha ’n é amháin [TD 51] gu’m b’ easan “am peacach bu mhó” ach bha é gu sonraicht ’na “fhear labhairt blaisbheum, ’s na fhear geur-leanmhunn,” 1 Tim. i. 13. 2. Cha tric a ruigeas geur-mhothacha chealgoirean an truaill’eachd, agus corp a bháis sin, a tha tármucha fuath do ’n ni tha maith, agus dian thogradh chum an ni tha olc. ’S bitheant’ a chi sinn ’n uair tha cealgoirean a’labhairt umpa fein san sgriobtuir, gur h ann le árd-bharail ’s le cáil-eigin do dh’fhein-spéis mun timchioll fein a tha iad a’ labhairt, araon a thaobh an saorsadh o thruaill’eachd, Eoin ix. 34. tha na Pharaisich a’g radh ris an duine bhochd, “Bha thus’ air do bhreith gu h iomlan ann am peaca, ’s a’bheil thu ’g ar teagasg-ne?” mar nach biodh iad fein cho truaillidh a thaobh náduir ris-san; tha iad a’labhairt mu pheacanna mór, mar rinn Hasael, 2 Righ. viii. 13. “Am mada mise gun deanainn an ni mór so?” agus mar an ceudna ’nan gabhail dleasnas os laimh, mar thuirt an Sgriobhuich, Mat. viii. 19. “A mhaighstir leanuidh mis’ thu, ge b’é ball an d’theid thu.” Faic cionnas a tha ’m pobull a ’g radh, Ier. xlii. 2, 3, 4, 5, 6. tha iad a’gabhail os laimh gun dean iad gach ni a dh’ áithneas an TIGHEARNA DIA dhoibh: air chor ’s gu bheil iad fhathasd ann sgach cúis “a’ cuir am fíreanteachd fein air chois, gun bhi stríochda do dh’ fhíreantachd DHE,” Rom. x. 3. Ach faodai mi a’radh, nach é geur-mhothach agus gnáth-obair mu thimchioll truaill’eachd, agus corp a bháis sin, a tha claona chum uilc, ’s a’fágail neo-thogarrach chum maith, an earran is lugha do ’n obair far a’ bheil DIA a’g ullach a shlighe fein. ’S gnáth leo iad fein a mheas ’n an [TD 52] daoine ro thruagh a thaobh lionmhoireachd a pheacai, ’s tha é ’na spáirn ro chruaidh orra fhaotainn amach cionnas a bhitheas iad air an saoradh uaithe, mar tha Pól a’ labhairt ’n uair tha é fui’ ghnáth-obair man chúis sin ann diaigh laimhe, Rom. vii. 24. “Och ’s duine truagh mi! co shaoras mi o chorp a bháis so?” 3. Gheibhear a mach gu bitheanta, nach ’eil geur-mhothacha chealgoirean, an dara cuid co ro dhúrachdach, ’s nach cuir gnothach eigin eil’ as an aireadh iad m’am faigh iad toil-inntin na suaimhneas d’an taobh; mar thachair do Chain, a chaidh ’s a thog baile, ’s cha ’n ’eil sinn a’ cluinntin a bheag tuille mu thimchioll a gheur-mhothachai, Gin. iv. Dh’fhalbh Felics gu ám a b’ iomchui, ’s cha ’n ’eil sinn a’ cluinntin luaidh air a chriothnacha ni’s mó, Gniomh. xxiv. 25. No ma tha ’n obair sin a’fás ro dhúrachdach, ann sin tha é dol gu anabharr’ air an taobh eile, ’s a’ tuiteam ann ea-dóchas gun dúil ri trocair, no ri slighe chum dol as o’n chunnart ann sa bheil é ’g a fhaicinn fein. Air a mhodh so tha sinn a’ faicinn gun raibh Iudas ro dhúrachdach ’n a gheur-mhothacha, gidheadh dh’fhás é ea-dóchasach, agus chroch sé é fein, Mat. xxvii. 4, 5. Ach far a’ bheil DIA a’g ullach a shlighe fein, tha ’n obair a’ fás cho dúrachdach, ’s nach faodar an duin’ a chuir ’na thámh, gus am faigh é cáil-eigin do thoileacha; ’s gidheadh fui’n ro dhúrachd so fein tha é feitheamh ri furtachd fhaghail o DHIA trid CHRIOSD: tha so soilleir o chainnt fear coimhead a phriosuin, “Ciod is fheudar dhamh dheanamh chum ’s gun sábhalar mi?” Gniomh. xvi. 30. Tha ’n geur-rannsucha dúrachdach so [TD 53] mu chabhair fhaotainn, ’na ni ro chomharaicht’ ann san obair ullachaidh a threóraicheas duin’ a dh’ ionnsui CHRIOSD árd léigh an anma. Gidheadh cha ’n ’eil sinn a’g iarrui gun earba neach sam bith a staid gu h iomlan ris na nithe sin, do bhri’ gun do luathsaich DIA eadar-dhealucha soilleir eadar na daoine diadhui ’s na daoine mi-dhiadhui. Cunn. Tha gná-eagal orm nach d’thug DIA na h urrad shealla’ dhomh air mo pheaca ’s air mo thruaighe, ’s a tha é toirt do mhóran a tha é ’gairm gu h éifeachdach, gu h áraidh do m’ leithid-se do pheacach ro mhór. Freag. Tha é ro fhior, gu bheil an TIGHEARNA DIA a nochda do chuid do dhaoine seallana ro mhór d’ am peaca ’s d’ an truaighe, ’s tha iad leis a sin air an cuir fa mhór eagal roi’n lagh: ach do bhri’ nach ’eil gach uile neach air an toirt dlú do DHIA leis an lagh-obair ullachai sin air mhodh mothachail, mar a nochd sinn roimhe; mar sin tha eadhoin a mhuinntir ris am buinear air an doigh sin leis an lagh-obair, gnáthaichte ri oibreacha fa leith agus eug-samhuil, a thaobh tomhas an eagail, agus buanacha na h oibre sin. Tha obair dhian neo-mhaireannach aig fear coimhead a phriosuin; tha aig Pól obair a mhair tri laithe; ’s tha daoin’ eil’ air an cumail fui’ dhaorsa ré am beatha trid eagail a bháis, Eabh. ii. 15. Air chor ’s nach faod sinn an TIGHEARN’ a chumail ri aon doigh oibrich ann so. ’S é ’n ni áraidh ris a’bheil sinn gu amharc ann sna dúsgaibh agus ann sna geur-mhothachaibh sin a tha ’n lagh a’ toirt duinn mu pheacadh agus mu thruaighe, ma tha DIA a’ ruigheachd na’n crioch sin ionnain, air son a’ bheil na dúsgaibh ’s na geur-mhothacha sin gu bitheant’ air [TD 54] an cuir a steach do’n anam; ’s ma rainig na nithe sin air an rún tha ’n sin ni’s leoir, ’s cha ruig sinn a leas a bhi fui’ iomaguin ma thimchioll obair ullachai sam bith tuille. Anois’ tha ceithir aobhair air son a’bheil DIA a’ buntuinn gu bitheanta ri peacaich, le eagal an lagh ’s leis a mhosgla coguis sin. AIR tús, Tha ’n TIGHEARN’ a’ nochda sealla do pheaca ’s do thruaighe dhaoine dhoibh, chum an cuir o bhi deanamh bun na earbs’ as am fíreantachd fein, agus as an árd bharail tha aca mu thimchioll. Tha daoin’ a thaobh náduir a’ toirt caidreamh do smuaintibh árd mun timchioll fein, ’s tha mór thogradh ac’ a dh’ ionnsui cúmhnanta na’n gniomh: tha DIA air an aobhar sin a ’nochda dhoibh na h urrad d’am peaca ’s d’an truaili’eachd, eadhoin ann sna nithe is fearr a tha aca, air chor ’s gu bheil iad a’ toirt fuath dhoibh fein, ’s a’ cáll an dóchais mu chabhair air bith ionnta fein chum furtachd orra ann ám feuma: ionnas gu bheil iad air an co’-éigneacha chum am fíreantachd fein agus cúmhnanta na’n gniomh a thréigsinn, agus tearmuinn iarruidh ann ionad eigin eile, Eabh. vi. 18. Tha iad a’fás marbh dhoibh fein ’s do’n lagh, a thaobh firinneacha, Rom. vii. 4. Ann sin cha ’n ’eil tuille muinighin aca san fheoil, Philip. iii. 3. Tha so air a chialluch ann an tairgse CHRIOSD, a’ teachd a dh’ iarrui ’s a shábhala nan daoin’ a bha caillte, Luc. xix. 10. ’s a chum bhi ’na léigh dhoibh-sin a tha easlan, Mat. ix. 12. ’S é ’n dara aobhar mór, IOSA CRIOSD a chliuthacha do dh’ anmaibh dhaoine os cionn gach ni eile, chum ’s gun tuit iad ann trom ghaol air, ’s gun teich iad gu luath a dh’ ionnsuidh an ionmhais [TD 55] ’s an t seúd ro luachmhor sin, a tha amháin comasach air duin’ a dheanamh lán shaibhir, Mat. xiii. 44, 46. agus le so a dheanamh, gu ’m bi iad freagarrach do rún an TIGHEARNA ann an dealbh an t soisgeil, a tha foillseach a shaor ghrás trid IOSA CRIOSD ann slainte dhaoine. ’S é sealladh a thoirt do dhuin’ air a thruaighe fein ’s air a staid bhrónaich a thaobh náduir, an aon doigh chum meas árd urramach a bhi aig’ air Slanui’-fhear nam buadh, a tha amháin comasach air a shamhuil sin do chreatuir truagh a shaoradh o chuing a pheacaidh, agus o’n staid chunnartaich ann sa bheil é. Ni h é amhain gu bheil é treóracha duine gu mór mheas a bhi aig’ air CRIOSD, ach mar an ceudna air gach ni a bhuineas do shlighe na slainte, mar tha grás, an nuadh cho’-cheangal, creidimh, &c. agus ni é ro-chúramach é chum a nithe príseil, no a sgriobtuiribh óir a chruinneacha r’a chéile, chum a chóir air na nithe sin a dheanamh cinnteach. ’S é ’n treas crioch áraid, Daoin’ a chumail ’s am fuadach o bhi cuir peacaidh ann gniomh, ’s a thoirt orra cúl a chuir ris gach ann-diadh’achd, agus aontacha chum am muineal a chuir fa chuing CHRIOSD gu h iomlan. Tha DIA le mothach a thoirt do dhaoin’ air am peacadh a’ lasadh ni-eigin ’n an cridhe a tha ’na shamhladh ann cáil air ifrinn, mar mheadhon ullamh gu ’n cuir fa gheilt o sin amach, le fios a bhi aca cia searbh do-ghiulan an ni dealacha ri DIA, Ier. ii. 19. Mar so chi sinn fois agus támh le mór shuaimhneas air a thairgse do’n mhuinntir a tha sgíth fann, air chúmhnant ’s gu’n gabh iad orra cuing CHRIOSD, Mat. xi. 29. “Gabhuibh mo chuing oirbh, agus foghlumaibh uam, oir tha mise macant’ agus úmhal ann cridhe; agus gheibh sibh fois d’ar n anmaibh.” [TD 56] ’S tha DIA ’tairgse gabhail ri daoine, mar an DIA ’s mar an Athair, air chúmhnant ’s nach tabhair iad caidreamh shiothchail do Bhelial, 2 Cor. vi. 14, 15, 17, 18. “Creud é caidreamh na fíreantachd ri neo-fhíreantachd? agus creud é comunn an t soluis ris an dorchadas? agus creud an réite tha aig CRIOSD ri Belial? Air an aobhar sin thigibh a mach as a’meadhon, agus dealuichibh riu, ars’ an TIGHEARN’, agus na beanaibh ris an ni neo-ghlan; agus gabhui mis’ a’m’ ionnsui sibh, ’s bithidh mi a’m’ Athair dhuibh, ’s bithidh sibhse ’n ar mic ’s ’nar nigheana dhamh-sa, ars’ an TIGHEARN’ Uile-chumhachdach.” ’S é ’n ceathramh crioch mhór, Daoin’ oibreacha suas chum úmhlachd thaingeil fhoighidneach do dh’ uile thoil a Mhaighstir. ’S earran shonraichte do dh’ obair an ni so, Esec. xvi. 63. “Ann sin cuimhnichi tu, ’s bithidh náir’ ort, ’s cha ’n fhosgail thu do bheul ni’s mó air son do náire, ’n uair bhitheas mi réidh riut, air son gach ni a rinn thu, ars’ an TIGHEARNA DIA.” Fágai sealladh air a thruaill’eachd ’s air a thoillteannas fein duine ’na thosd, ’s bheir é air a lámh a chuir air a bheul, ge b’é ní ni DIA air, Salm xxxix. 9. “Bha mi balbh, ’s cha d’fhosgail mi mo bheul, do bhri’ gur tus’ a rinn é.” Esra ix. 13. “Cha d’ rinn DIA urrad pheanais oirn ’s a thoill ar n aingi’eachd.” Mic. vii. 9. “Giulaini mi fearg an TIGHEARNA, chionn gun do pheacaich mi.” Cha ’n ’eil suim aige creud a tha DIA a’ deanamh air, na cia mar bhuineas é ris, ma shaoras sé é o’n fheirg a tha chum teachd. Tha trócair air bith ’na shochair mhór leis an duine fhuair a leithid sin do shealladh air fein; tha é ni’s lugha nan trocair is lugha. ’S é beatha aon [TD 57] sbruileach a thuiteas o bhórd a Mhaighstir. Mat. xv. 27. Tha é ’g a mheas ’na thrócair mhór nach ’eil é air a sgrios gu tur, Tiur. iii. 22. ’S é so an ni a tha gu h iongantach a’ fágail pobull bochd trioluideach DHIA cho tosdach fui’n triobluid, agus cho toilichte le ’n crannachar; ’s ann a tha iad a’ meas gu bheil easan a’ toilltin ifrinn na dóruinn, a tha ’gabhail gu h olc aon ni tha DIA a’ deanamh air, o’n a thug é maitheanas da ’na uile pheacaibh. Mar sin ma’ ta, chum a chunnuil a shásucha, tha mi ’g radh, ma dh’fhógair an TIGHEARNA DIA thu o earbs’ a dheanamh a’ d’ fhíreantachd no a’ d’ neart fein, ’s ma chliuthaich é CRIOSD do d’ chridhe os cionn gach ni agus neach eile, ’s ma thug é ’na neart fein ort a chuir romhad, cogadh a thogail ann aghai gach peacadh air a’ bheil thu fiosrach; ’s gu bheil thu ann tomhas, mar leanamh air dol o’n chích, lán-toilicht’ air son na rinn é as do leith, a’ miannucha do lámh a chuir air do bheul air mhodh táingeil; ann sin ’s leoir na tha agad do gheur-mhothach air peacadh agus air truaighe, agus t obair roi’-ullachai ciod air bith í, ’s cha chóir dhuit tuille teagamh a chuir mu thimchioll na cúise: ach amháin gabh comhairle gu dichioll a dheanamh air nuadh fhoillseach agus barrachd mothachai fhaotainn gach aon lá air do staid chaillte ’s air t fheum anabarrach air IOSA CRIOSD an Slanui’-fhear, a thaobh do pheacai diomhair agus follaiseach, sean agus nuadh, gein agus gniomh; ’s mar an ceudna chum nuadh chabhair fhaicinn ann CRIOSD, neach a tha ’na Shagart gu siorruith chum eadar-ghuidhe dheanamh; ’s a chum obair an naomhaich agus na foighidin le taingealachd [TD 58] ath-nuadhacha ’s ath-bheothacha gu bitheanta: oir ’s eigin do cháil-eigin do ’n obair sin a tha ga d’ irisleacha fein, ’s a’g árducha CHRIOSD, ’s a tha co’-fhreagra d’a thoil, do stiúradh ré fad do bheatha san t saoghal. CAIB. VII. Mu Chreideamh. THA sinn anois’ a’ teachd chum labhairt ma thimchioll comharan ni’s soilléireadh agus ni’s cinntiche, leis am faod daoin’ an staid ghrásmhor ’s an cóir air CRIOSD aithneacha. ’S é cheud ni leis am faod daoin’ an staid ghrásmhor a thuigsinn, ma tha iad a’ gabhail ri CRIOSD mar a tha é air a thairgse gu saor ann san t soisgeul. ’S é so creidsinn, no creidimh, ni is é cúmhnant a cho’-cheangail, Rom. iv. 16. “’S ann o chreidimh a tha é, &c.” Gniomh. xvi. 31. Creid ann san TIGHEARN’ IOSA CRIOSD, agus bithidh tu air do shábhaladh.” Anoise, ge d’a tha ann am briathra soilleir, cóir tre chreidimh duilich a chómhdacha, ni is é díreach ar cóir fein ann; gidheadh, ’n uair tha ’n cridhe a’gabhail ri IOSA CRIOSD, tha so cho soilleir so mhothachaidh ann fein, ’s gu’m faod sinn a chuir ann áireamh na ’n comharan air staid ghrásmhor; ’s ma dhrearbhas duin’ a chúis so, eadhoin, gu bheil é creidsinn ann IOSA CRIOSD, tha é leis a sin a’ dearbha gu bheil cóir ro chinnteach neo-mhearachdach aig’ ann. Tha móran daoin’ a’gabhail eagail gu bitheanta roi’n chomhara so, air son aon do na tri nithe so a leanas. [TD 59] 1. Tha cuid do dhaoin’ am barail gu bheil creidimh ’na diomhaireachd ro mhór, duilich ruigheachd orra. Ris a mhuinntir sin tha mi ’g radh, Na bithibh ann am mearachd, oir ni bheil creidimh cho spáirneil ’s a tha móran a’ saoilsinn: tha mi ’g aideacha gur é toidhlaca DHE fior chreidimh ann sam tomhas is lugha, ’s gu bheil é os cionn cumhachd fuil agus feoil; oir ’s eigin do DHIA daoin’ a tharruing a dh’ ionnsui CHRIOSD, Eoin vi. 44. “Cha ’n urrain neach air bith teachd a’m’ ionnsuidhs’, mur tarruing an t Athair a chuir uaithe mise é.” Philip. i. 29. “Thugadh dhuibhse as leith CHRIOSD, creidsinn ann.” Gidheadh bu dimeas air CRIOSD, ’s air gach ni a rinn é, a radh gu bheil é ea-comasach ruigheachd air; mar a chi sinn, Rom. x. 6, 11. “Tha ’n fhíreantachd a ’ta o chreidimh a’labhairt air a mhodh so, Na abair ann a d’ chridhe, Co theid suas air neamh? (sin r’a radh, a thoirt CHRIOSD a-nuas.) No, co theid sios do’n doimhne? (sin r’a radh, a thoirt CHROISD a rithist air ais o na marbhaibh) Ach creud a their si? Tha ’m focal am fogus duit, ann a d’ bheul, agus ann a d’ chridhe: ’s é sin focal a chreidimh a tha sinn a’ searmonach, eadhoin ma dh’ aid’icheas tu le d’ bheul an TIGHEARN’ IOSA, ’s ma chreideas tu ann a d’ chridhe, gun do thog DIA o na marbhaibh é, sábhalar thu. Oir ’s ann leis a chridhe a chreidear chum fíreantachd, agus leis a bheul a dh’ aid’ichear chum slainte. Oir tha ’n sgriobtuir a’g radh, Ge b’e neach a chreideas ann-san cha náraichear é.” Bhiodh na h urrad nan chúis, a reir an sgriobtuir sin, ’s a’ radh, cha d’ thainig CRIOSD a nuas o neamh, cha d’éirich sé o na marbhaibh, ’s cha mhó chaidh é suas le [TD 60] buaidh-chaithreim chum neamh. Tha mi ’g radh, gun d’ rinn é ’n t slighe chum rioghachd na glóire ro fhurast’ im’eachd innte; agus rinn é creidimh, ni is é ’n cúmhnant a tha air iarruidh air ar taobh-ne, ni ’s usa na tha daoin’ am barail. Chum ’s gur feaird a thuigear a chúis so, thugaibh fainear nach i ’n creidimh a dh’ fhírinnicheas a chreidsinn gu bheil mi air mo thagha, no gu bheil grádh aig DIA orm, no gun do bhásuich CRIOSD air mo shon, no an samhuil sin; tha gun amharus na nithe sin ro chruaidh ruigheachd orra agus ann tús tionnsgnuidh cha mhór nach neo-chomasach do’n aitim sin a tha dúrachdach am buithinn; ’n uair tha ana-creid’ich a tha ann staid náduir agus cealgoirean mealltadh a’ mothacha ro bheag spáirn ’na radh gu bheil na nithe sin uil’ aca fein: Tha mi ’g radh, nach iad aon do na nithe roimh ráit’ an creidimh fior a dh’ fhírinnicheas; ni mó is é amháin aon bhriathar a chaidh a sgriobhadh a chreidsinn, no air am faodar smuainteacha. Tha mi ’g aid’eacha, gu bheil easan a tha creidsinn ann IOSA CRIOSD, a’creidsinn na labhair DIA mu thimchioll staid pheacach, thruagh duin’ a thaobh náduir, agus tha é creidsinn gu bheil so fior, “Gu bheil beatha ann sa Mhac, a bha air a chuir gu bás, ’s a dh’ éirich a rithist o na marbhaibh, &c.” Ach cha ’n ’eil a h aon diu sin, no idir an ioma samhuil do dhearbh-fhirinn a chreidsinn, a’ soilleireach a mach an creidimh a dh’ fhíreanaicheas, no an creidimh sin ann a Mac DHIA, a tha air a labhairt san sgriobtuir; oir nam b’ é sin a chúis, cha bhiodh ann ach gniomh na tuigs’ amháin: ach ’s i ’n creidimh fior a dh’ fhíreanaicheas, a tha sinn san ám so a’g iarrui, mar dheadh chomhar air cóir ann CRIOSD, gniomh no obair áraid a chridhe agus na toile; air do nithe [TD 61] eug-samhuil bhi air an roi’-chiallucha mu fhírinn ann san tuigse, leis a chridhe tha é air a chreidsinn chum fíreantachd, Rom. x. 10. ’S ge d’ a tha é coltach o’n 9 rann do’n chaibdeil sin, gun sábhalar duin’ air chúmhnant ’s gu’n creid é an dearbh-fhírinn so, “gun do thog DIA CRIOSD o na marbhaibh;” gidheadh ’s eigin duinn’ ni ’eil a thuigsinn san áite sin, ann san 10 rann, a bharrachd air firinn nam briathra sin a chreidsinn: oir os-barr gu bheil an creidimh sin aig na deamhain uile, leis a’ bheil iad a’ creidsinn gun do thog DIA IOSA CRIOSD o na marbhaibh; air an doigh so tha ’n sgriobtuir gu soilleir a’ nochda gur é amhain gabhail ri CRIOSD an creidimh slainteil a dh’ fhíreanaicheas, Eoin i. 12. “A mheud ’s a ghabh ris, thug sé dhoibh cumhachd a bhi ’nan cloinn do DHIA, eadhoin dhoibh-sin a tha creidsinn ’na ainm.” Tha é air a shoilleireach ann sin gur é gabhail ri CHIOSD creidsinn ’na ainm. Theirear do ghná ris “sochcracha bunailteach air an TIGHEARNA,” Isa. xxvi. 3. “dóchas a chuir ann DIA,” a tha gu tric air ainmeach ann leabhar nan Salm, agus ’s é is ciall do’n fhocal, taic no cud-throm a leig air. Is “creidsinn ann CRIOSD é,” Eoin vi. 29. “S i so obair DHE, gu’n creid sibh san ti a chuir sé uaithe,” ’s a tha gu minic mar so air ainmeach ann san Tiomna-Nuadh. ’N uair tha DIA toirt air daoine creidsinn air mhodh slainteil, tha é air a radh gu bheil sé ’g an tarruing a dh’ ionnsui CHRIOSD; ’s an uair tha DIA a’ toirt cuire dhoibh chum creidsinn, tha é ’g an gairm d’ a ionnsui, Eoin vi. 37, 44. “Thig iadsan uile thug an t Athair dhomh-sa do m’ ionnsui; ’s an ti a thig a’ m ionnsui cha tilg mi air chor sam bith amach é. Cha’n urrain neach air bith teachd [TD 62] a’m’ ionnsuidhs’, mur tarruing an t Athair a chuir uaithe mise é.” Tha rioghachd néimh coltach ri duin’ a fhuair seúd ro luachmhor, air a’bheil é tuiteam ann gaol, Mat. xiii. 44, 45, 46. Tha mi ’g radh, nach ’eil oibreacha so a chridhe air IOSA CRIOSD, ’na chúis cho spáirneil ’s a tha daoin’ a’ breithneacha. Am faodar a mheas gu bheil an ni sin ro dhiomhair dhuilich, a tha gu mór a’co’-sheasamh ann an togradh? Ma tha mór dhéigh aig daoin’ air, tha é aca; oir ’s beannuicht iadsan air a bheil ocras na córach, Mat. v. 6. M’as áill leibh, ’s é bhur beatha, Taisb. xxii. 17. A’bheil amharc gu deónach air an t Slanui’-fhear a tha air árducha, ’na ni cho triobluideach ea-comasach? Isa. xlv. 22. “Amharcaibh ormsa, agus bithibh air bhur sábhala, sibhs’ uile chriochaibh na talmhuinn,” ’s a chum ni a ghabhail a tha air a thairgse, air a nochda, ’s air innse gu’m buin é dhomhsa, ma ’s é ’s gu ’n gabh mi é, agus mar gu ’m b’ ann gu ’m fosgluinn mo bheul, ’s gun deanainn rathad dha? Salm lxxxi. 10. “Fosgail do bheul gu farsuing, agus lionaidh mis’ é.” Air chor ’s nach ion do dhaoin’ a shaoilsinn gu bheil creidimh duilich fhaotainn, do bhri’ nach ’eil ann ach ion-samhuil nan nithe sin a dh’ ainmich mi, mu’r lugha i na iad sin. Och! nam bu comasach dhomh * iompaidh a chuir air daoine creud i ’n creidimh a dh’fhíreanaicheas, a tha toirt lán chóir dhomhs’ air CRIOSD! ’S minic a tha sinn a’ cumail am fois agus an suaimhneas dligheach o dhaoine, le bhi cuir ann géill doibh gu bheil creidimh ’na ni eigin domhain diomhair, agus le’n cuir fui’ iomadh amharus neo-fheumail mu timchioll, leis a’bheil iad air an cumail ann dorchadas mun chúis. * chuir am fiachaibh. [TD 63] 2. Tha daoin’ ann nach ’eil a’ deanamh feum air bith do’n chomhara so, ’g a mheas ’na árd pheacadh ann-dánadh iad a ghabhail os laimh gu bheil aon ni ac’ a tha cho luachmhor ri fior chúmhnant an nuadh cho’-cheangail. Ris a mhuinntir so tha mi ’g radh, Cha ruig sibh a leas urrad eagail a ghabhail roimhe, mar gu ’m b’ árd uaill a ghabhail os laimh: oir ge b’é ni a tha ann am fior chreidimh, ’s eigin do dhaoin’ a chuir romp’a faotainn, air neo gun ni air bith fhaotainn; oir as a h eug’ais tha gach comhar’ eile diomhain; cha dean míle ni eil’ an gnothach as a h eug’ais: mur creid duine, tha é fantuinn ann staid na dóruinn, Eoin iii. 18, 36. “Tha ’n tí nach creid ann, air a dhíte cheana, chionn nach do chreid é ann ainm aon-ghin Mhic DHE. An tí nach ’eil a’ creidsinn ann sa Mhac, cha’n fhaic sé beatha, ach tha fearg DHE a’ gabhail cómhnuidh air.” 3. Tha daoin’ eil’ ann nach’eil a’ gabhail gnothach ri comhara ro-luachmhor so a chreidimh, do bhri’ gu bheil iad a’ meas gur obair ro spáirneil dhuilich, creidimh fhaotainn a mach far a’bheil i. Ris a mhuinntir so tha mi ’g radh, Nach ’eil i cho duilich fhaotainn a mach, do bhri “gu bheil aig an tí a chreideas, an fhianais ann fein,” 1 Eoin v. 10. ’S ní i a dh’ fhaodar aithneacha tre cháileigin do mhion-rannsucha dúrachdach. Cha ’n é amháin gu’m faod sinn móran a dheanamh chum a faghail amach leis an obair roi’-ullachaidh a tha dol air thoiseach orra ann am móran, mar tha duin’ a bhi a’ smuainteacha ’s a’creidsinn a staid chaillte, ’s nach ’eil é murrach air a ghnothach fein a dheanamh, ’s gu bheil lán fhothaintichead ann CRIOSD, a tha ro ion-mhiannuichte nam b’ urrain easan ga [TD 64] fhaotainn; le bhi cuimhneacha gu dúrachdach air so, le cridhe fosgailt’ a’ gnáth-fheitheamh gu cabhair fhaotainn; ’s mar an ceudna leis na nithe a tha ’na co’-chompanas no na co’-chuideachd, sin r’a radh, spéis a thoirt do dh’ uachdranachd CHRIOSD, ’s d’a oifig mar Righ ’s mar Fháidh, miann na togradh chum mi fein a thoirt suas dá gu h iomlan, chum bhi air mo stiúradh leis; agus mar an ceudna leis na nithe a tha gu nádurra ’g a leantuinn, sin r’a radh, stiúradh an fhocail, obair a ghlanas an cridhe, oibreacha tre ghrádh, &c. Tha mi ’g radh, nach é amháin gu ’m faod sinn creidimh aithneacha leis na nithe sin, ach tha i so-mhothachai leatha fein agus le gné fein; ge nach ’eil mi ’g áich’eadh, nach feum cáil-eigin do chómhna Spiorad DHIA bhi againn, leis an aithnich sinn na nithe a thugadh dhuinn gu saor o DHIA, 1 Cor. ii. 12. mar an ceudna fós, gun do chuir DIA nan uile ghrás f’ar comhair ioma dearbha soilleir agus comharan, mar chómhnadh luachmhor, leis am faod daoine fhaicinn gu soilleir a’ bheil no nach ’eil an creidimh slainteil sin a dh’ fhírinnicheas aca fein, 1 Eoin v. 13. “Na nithe so sgriobh mi d’ ar n ionnsuidhs’ a tha creidsinn air ainm Mhic DHE, chum ’s gu ’m bi fios agaibh gu bheil a bheatha mhaireannach agaibh.” Gidheadh tha mi fhathast a’g radh, gu bheil creidimh, no creidsinn, ni is é cáil-eigin do dh’ oibreach a chridhe air CRIOSD ann san t soisgeul, agus gabhail ris mar tha é air a thairgse ann, dearbh-shoilleir so-fhaicinn leatha fein do dhuine tuigseach, le cómhnadh gnáthaicht’ an Spioraid; mar dean an TIGHEARNA DIA, air son riasuin a tha amháin aithnichte dhá fein, ceó dorchadais a thilgeadh [TD 65] air tuigse shoilleir an duine, leis ’m bu chóir dhá an ni tha ann fein a thuigsinn agus a mhothacha. Tha ’n creidimh so a dh ’fhireanaicheas, a tha sinn a’ dearbhadh a bhi cho soilleir, air a’ cuir far comhair san sgriobtuir air ioma doigh, ann am buan ghliocas ’s ann co’-aontacha grásmhor DHE, do reir a h oibreachadh eug-samhuil mu DHIA, ’s a dol amach as a dhiaigh, air chor ’s gu’m faod gach neach aig a’bheil i, a lán thuigsinn gu bheil i aige. Tha i air uairibh a’ g oibreacha le dian-thogradh chum aonachd maille ri DIA ann CRIOSD: ’s é so an dearcadh air DIA tha air ainmeach ann Isa. xlv. 22. “Beachdaichibh ormsa, ’s bithibh air bhur sábhala, sibhs’ uile chriochaibh na talmhuinn.” ’S coltach nach ’eil ann so ach gniomh anmhunn, a tha fada gaoirid áir cuid eile do dh’ oibreach a chreidimh ann ám eile, faodai é bith ann sa cheart neach sin fein. Seallai daoin’ air ni ris nach bi chridhe aca beantuinn, no ghlaca ’nan laimh; faodaidh iad amharc air duine ris nach ’eil a chridhe aca labhairt: gidheadh thug DIA ’n gealla do chreidimh ann san oibreacha sin, mar tha ’n sgriobtuir roi’-ainmicht’ a’ nochda; agus rinn é so gu glic trócaireach, oir ’s é so an t aon doigh air an tuigear oibreach a chreidimh air uairibh air cuid do dhaoine. Mar so tha oibreacha no dol amach a chreidimh air an soilleireacha san sgriobtuir, le “ocras agus tart na fireantachd,” Mat. v. 6. agus sin air a shoilleireacha le bhi toileach, Taisb. xxii. 17. “Agus ge b’é neach leis an áill, gabhadh é uisge na beatha gu saor.” A rithist tha ’n creidimh so a dol amach le taic’ a leig’ air an t Slanui’-fhear ghrádhach, ’s an t anam a’ gabhail ri CRIOSD mar ionad stad ’s mar stéigh a dhóchais, agus tha DIA ’ga nochda air an doigh [TD 66] so, ge d’ a tha é ’na chloich-thuislidh do dhaoin’ eile, Rom. ix. 33. Tha ’n t oibreacha so dh’i air a chuir far comhair gu minic san sgriobtuir, ann sna briathraibh so “earbs’ a dheanamh as agus fois a ghabhail” air DIA; agus tha geallana ro luachmhor air an toirt do dh’oibreacha so a chreidimh, mar chi sinn ann Isa. xxvi. 3, 4. “Coimheadidh DIA a mhuinntir sin ann síth iomlan, aig a bheil an inntin air sochcrach air; air son gu bheil iad a’cuir an doigh ann. Cuiribh bhur muinighin ann san TIGHEARNA DIA; oir aige-san tha neart siorruith.” Mar so tha Salm cxxv. 1. “Bithidh iadsan a chuireas an dóchas ann DIA, mar bheinn Shion nach faodar a charuch am feasd.” Tha mi ’g radh, gun d’thug an TIGHEARNA geallana do’n doigh so do dh’ oibreach a chreidimh, air dha fios a bhi aige gun oibrich i air a mhodh so gu minic le móran daoine; agus bithidh é ro fhollaiseach dhoibh fein, ’n uair bhios creidimh a’g oibreach air an doigh sin. Tha creidimh air uairibh a’ dol amach ann diaigh DHE le feitheamh gu bunailteach air, ’n uair tha ’n t anam ann dúil ri ni eigin fhaghail o DHIA, ’s nach d’ fhuair é a rún a lán-fhoillseach a reir r’a thoil mu thimchioll an ni sin ris a’bheil é ’n earbsa; ann sin tha creidimdh a’ feitheamh gu foighidneach ri toil DE, ’s mar so tha ’n gealladh air a cho’-liona dh’ i, Isa. xlix. 23. “Cha bhi náir’ air an aitim a dh’ fheitheas ormsa.” Tha creidimh a’g oibreach air uairibh air mhodh toileil air DIA, ’n uair tha ’n t anam a’ breithneacha gu bheil DIA ’ga thilgeadh uaithe, ’s a’ bagradh a leir-sgrios, Iob xiii. 15. air chor ’s ge d’ “a mharbh é mi, cuiridh mi fhathast, mo dhóchas ann.” Chaidh creidimh [TD 67] na mnatha bochda sin a bha ann an Canaan, Mat. xv. 22,—28 a tha cho mor a cliuthacha le CRIOSD, amach air an doigh so le oibreacha toileil ann aghai gach triobluid a bha san rathad; agus tha ’n TIGHEARN’ a’ sár-mholadh mar rinn i, chum misneach a thoirt dhoibh-sin a bhios ’na shamhuïl sin do staid. Bhiodh é ro fhadalach gach doigh eug-samhuil air an oibrich creidimh ainmeacha fa leith. Faodai mi a’radh, gun do nochd DIA é fein agus iomlaineachd ann CRIOSD air ioma doigh, fui’ smuaintibh eug-samhuil, a reir staid no triobluid an anma, chum cómhnadh éifeachdach a dheanamh ri daoine ’n am feum. Agus air an aobhar sin tha creidimh, ni is é am meadhon a dh’ órduich DIA chum iomlaineachd CHRIOSD iomachar a dh’ ionnsui ’n duine, ’s a chum aonachd agus co’-chomunn a chumail suas ris, a’g oibreach air mhodh eug-samhuil air DIA ann CRIOSD: oir ’s é creidimh cridhe an duin’ a dhealbh ’s a cho’-chumadh a reir innleachd DHE chum peacaich a shábhala trid IOSA CRIOSD, ann sam bu taitneach leis an Athair gu’n gabhadh an iomlaineachd sin cómhnuidh; air chor ’s ge b’é lámh air an tionndai CRIOSD, gu bheil creidimh ’ga dhlú-leantuinn, ’s a’g aoma’ da ionnsuidh air an doigh sin fein. Tha CRIOSD ga nochda fein do’n chreid’each bhochd air gach doigh air am faod é bhi feumail dha, agus uime sin tha creidimh a’g oibreach air CRIOSD chum tarruing o iomlaineachd-san a reir feum agus staid an duine. Mar eisiomplair, tha ’n t anam lomnochdte, gun chómhdach chum a dhion o fhearg dhoinionnach an Uile-chumhachdaich; tha CRIOSD ’na thruscan fasg’ach díonach ro mhaiseach, Taisb. iii. 17, 18. mar so ma’ta ’s é ’s obair do chreidimh an TIGHEARN’ IOSA a chuir uime ann [TD 68] so, Gal. iii. 27. Tha miann agus cíocras mór air an anam ann diaigh ni-eigin a lán-shásuicheas gu bith-bhuan é; tha IOSA CRIOSD ’na bhainne, ’na fhion, ’na uisge, ’na aran na beatha, agus ’na fhior mhana, Isa. lv. 1, 2. Eoin vi. 48,—51. ’s easan * a chuirm do nithe reamhar, ’s do dh’fhion air ath-tharruing, Isa. xxv. 6. ann sin ’s é obair agus gnáthach a chreidimh, dol a cheannach, a dh’ ith, agus a dh’ ól gu saibhir pailt, Isa. lv. 1. Eoin vi. 53,—57. Tha’n t anam air a dhian ruagadh as leith cionta eigin a bheag no mhór; agus ’s é IOSA CRIOSD am baile dion, agus an t Ard-Shagart ann, neach am fad ’s is beo é, ’s é sin gu siorruith, tha ’n duine bochd a tha buithinn a bhaile sin, lán-tearuinte; ann sin ’s é obair agus seirbheis a chreidimh, teiche d’a ionnsui chum bhi sábhailte, gu greim a dheanamh air an dóchas a chuireadh rothainn, Eabh. vi. 18. Ann aon fhocal, ciod air bith an seol air am bi CRIOSD feumail do dhuine, tha é labhairt air a mhodh sin mu thimchioll fein; ’s mar tha é ’ga nochda fein san sgriobtuir, ’s amhuil a tha creidimh a’ treóracha da ionnsui. Ma tha CRIOSD ’na Fhear-nuadh posda, théid creidimh amach fui’ dháimh pósaidh; m’as Athair é, tha creidimh a’ tagradh gur leanamh an duine; m’as Aodhair’ é, tha creidimh a’ tagradh gu ’m bi an duine ’na aon da chaoiribh; m’as TIGHEARN’ é, tha creidimh a’ gairm sin d’eth, ni nach comasach do neach air bith a dheanamh ach trid Spiorad DHE, 1 Cor. xii. 3. ma bha é marbh, ’s ma dh’ éirich é a rithist chum ar fíreanacha, tha creidimh a’ lán-chreidsinn gun do thog DIA suas é chum na criche sin, Rom. x. 9. Ge b’é áit’ a’ bheil easan, [TD 69] bu mhiann le creidimh a bhi sa cheart ionad sin; agus ge b’é sam bith é, bu toil le creidimh a bhi ann tomhas eigin d’a réir: oir, ’s ann tre chreidimh a tha ’n cridhe air a cho’-chumadh amach am fad agus ann leud fa chomhair CHRIOSD; seadh ’n uair a theid ainm ’s a chliu amach ’na fhírinn, ge nach ’eil creidimh a’ faicinn móran, gidheadh tha i creidsinn ’na ainm, air son a chliu mhaith a chraobh-sgaoil é mu thimchioll fein, Eoin i. 12. Ach a chum mearachdan a sheachna, thugaibh fainear, 1. Ge d’ atha ’n creidimh a dh’ fhírinnicheas a’g oibreach air doighibh co eug-samhuil, gidheadh cha ’n ’eil gach uil’ oibreach agus gnáthacha dhiu sin aig gach fior chreid’each aig a’bheil dearbh chóir air CRIOSD; oir ni bheil a staid ’nam feum: agus mar an ceudna ’s toil leis a Mhaighstir gun chreidimh cuid do dhaoin’ a tharruing amach air uairibh, ann cuid-eigin do na doighibh sin, air son aobhair a tha amháin aithnichte dha fein, eadhoin ’n uair tha ’m feumalachd (a reir am barail) ann cás a shamhuil sin do dh’ oibreacha creidimh. Gu cinnteach, cha ’n ’eil gach neach murrach air a radh, “Ge d’ a mharbh é mi, cuiridh mi fhathast mo dhóchas ann.” ’S lionmhor iadsan nach rachadh leis a mhnaoi a mhuinntir Chanaan mun do labhair mi roimhe, Mat. xv. ach a ghlacadh mi-mhisneach, ’s a leige’ dhui an gnothach mun raibh iad. ’S ann air a shon so a tha CRIOSD a’cliuthacha creidimh cuid do dhaoine ni ’s mó na creidimh dhaoin’ eile, Mat. viii. 10. mar bha ’n Caiptein-cheud: Mat. xv. 28. agus a bhean a mhuinntir Chanaan. Tha móran do dhaoine diadhui fui’ mhór thriobluid agus [TD 70] neo-fhoisneach mu thimchioll an creidimh, chionn nach ’eil iad ga mothach air gach doigh a tha air ainmeacha san sgriobtuir; ach ’s gann a gheibhear aon duine, a dh’ oibrich a chreidimh air gach doigh dhiu sin. 2. Tha moran do dh’ oibreacha so a chreidimh air uairibh gu laidir beothail, neartmhor soilleir so-mhothachaidh; agus tha iad air uairibh gaoirid air sin, ’s tha mi-chreidimh a’ faghail buaidh; air chor ’s gur neo-chinnteach an ni breith a thoirt air staid duine le oibreach a chreidimh. Tha sinn a’ faicinn gu bheil eadar-dhealucha mór eadar oibreach a chreidimh air uairibh ann sna naoimh fein, mar a nochd sinn roimhe. 3. Tha gach aon do dh’oibreacha sin a chreidimh ’na chomhara maith do’n neach aig a’ bheil é, ’s tha geallaine air an ceangal ris, mar a thuirt sinn roimhe. Gidheadh, 4. Ge d’ a tha aig oibreacha sin a chreidimh geallaine ceangailte riu, cha ’n iad, air a shon sin, cúmhnant an nuadh cho’-cheangail: oir nam b’ ann mar sin a bhiodh a chúis, dh’fheumadh a h aon diu bhi aig gach neach, ni nach ’eil fior, mar a thuirt sinn roimhe. Tha gealladh air a thoirt dhá-san a bheir buaidh: ach cha ’n é buanacha cúmhnant an nuadh cho’-cheangail, ach tha é ’ga roimh-chiallucha. Tha geallainean air an toirt seachad do ghnáthacha gach uile ghrás, san sgriobtuir; ach ’s é creidimh amháin cúmhnant a cho’-cheangail. Tha mi ’g radh ma’ta, gu bheil na geallainean air an toirt do dh’ oibreacha sin a chreidimh, ni h ann mar sin, ach mar tha iad a’ roi’-chiallucha creidimh a dh’fhíreanaicheas, ni is é cúmhnant a cho’-cheangail. ’S oibreacha [TD 71] creidimh gach ni dhiu sin, ach ni h ann mar tha i fíreanacha. Air an aobhar sin, 5. Tha ni eigin ann a tha aig gach neach a tha ann staid na’n grás, a tha air a chiallucha le uile oibreacha roi’-ainmicht’ a chreidimh, ann sa bheil nádur agus bith na creidimh a dh’ fhíreanaicheas a’ co’-sheasamh. Agus ’s é so an cridhe bhi lán toilichte le innleachd DHE chum peacaich a shábhala trid CHRIOSD; ’n uair tha duine toilichte le innleachd DHE chum dioladh a thoirt do cheartas, trid IOSA CRIOSD, ann sa bheil gach uil’ iomlaineachd a’gabhail cómhnuidh le lán-toil an Athar; ’n uair tha cridhe agus anam duine lán-toilichte leis na nithe sin, ann sin tha é creidsinn chum slainte. Mar a rinn DIA ann tús duine freagarrach do chúmhnanta na’n gniomh, le chruthach ann staid iomlan, ’s le chuir ’na chomas a thoil a cho’-lionadh ann sa chúmhnanta sin; air an amhuil cheudna fui’n nuadh cho’-cheangal, ’n uair tha DIA a’ toirt a chridhe nuadh do dhuine, tha é cuir samhladh agus dealbh uil’ innleachd fein ann san nuadh cho’-cheangal air an duine, air chor ’s gu bheil é freagarrach do thoil DE: mar so tha é giulan air fein íomhaigh agus dreach an dara Adhamh, IOSA CRIOSD. ’S earran mhór so do’n nuadh chridhe, agus tha é calg-dhíreach ann aghai oibre; do bhri’ gu bheil an duin’ a’ tuiteam gu tur o oibribh, “a’ fás marbh do’n lagh,” a thaobh fíreanacha, “tre chorp CHRIOSD,” Rom. vii. 4. Air do’n duin’ a thoirt fainear gun do dhealbh DIA doigh air a cheartas fein a dhioladh, ’s air daoin’ a shábhala le IOSA CRIOSD a theachd san fheoil, air leis gu bheil an seol so cho maith agus cho chinnteach, ’s gu bheil é gu buileach a’ leige’ [TD 72] dh’eth gach smuain air bhi air a shábhala lé obair an lagha, mar a thuirt mi roimhe, ’s a’ gabhail gu toileach ris an innleachd so chum peacaich a shábhaladh: agus ’s é so creidsinn no creidimh, calg-dhíreach ann aghai oibre, ’s ann aghai earbs’ air bith a dheanamh asda. Tha so ann sgach neach a tha ann an staid na ’n grás, ann snach ’eil móran do dh’ oibreach a chreidimh r’a fhaotainn. Tha so gu soilleir a’ nochda gu bheil mothach aig duin’ air a thruaighe ’s air a thriobluid, gun fhurtachd gun fhuasgladh air bith ann fein: ’s tha so a’ roi’-chiallucha gu bheil é toirt fainear gu bheil iomlaineachd ann CRIOSD, mar an t aon fhuasgla leoir-fhothainteach: tha so a’ ciallucha gu bheil gné bhuntuinn aig an duine ris an fhuasgla bheannuichte so: oir air do’n chridhe tlachd a ghabhail ann san innleachd sin, tha é ’g aoma mar so da ionnsui. ’S ni so a tha gu soilleir air a chialluch ann sgach oibreacha do’n chreidimh, mun do labhra roimhe. Tha so aige-san air a’bheil cíocras deónach; ’s tha é aig an ti a tha ga thaice fein ris, agus tha é aig an neach a tha cuir IOSA CRIOSD uime, &c. ’S é so “CRIOSD cumhachd agus gliocas DE a mheas chum slainte;” ’s tha é air a radh gu ’m bi é mar sin dhoibh-san uil’ a chreideas ann, 1 Cor. i. 24. Tha iad a’meas gu bheil innleachd DHE chum peacaich a shábhala glic agus ro chinnteach, agus ’s é sin creidsinn no creidimh. Air an aobhar so, tha CRIOSD a tha ’na chloich dhiúlta do mhóran, ro luach-mhor phríseil dhoibh-san a tha creidsinn; cloch a tha ro fhreagarrach lathailteach chum tigh brist’ an duine chaillte, ath-nuadhach a dhaighneadh, agus a dheanamh sgiamhach maiseach. “Chum a’bheil sibh a’ teachd, [TD 73] mar chum cloich bheo, a dhiúlta gu deimhin le daoine, ach air a tagha le DIA, agus príseil: tha sibhse mar an ceudna mar chlochaibh beotha, air bhur togail suas ’n ar tigh spioradail, ’n ar sagartachd naomh chum iobairte spioradail ofrail, taitneach do DHIA trid IOSA CRIOSD. Uime sin tha so mar an ceudna air a chuir sios ann san sgriobtuir, Feuch cuiream ann Sion priomh chloch-oisinn, taghta agus príseil: ’s an ti a chreideas ann cha chuirear gu náir’ é. Dhuibhse uime sin a chreideas tha sé príseil: ach dhoibh-san a tha eas-úmhal, a chloch a dhiúlt na clochairean, rinneadh ceann na h oisinn dith, agus cloch thuislidh, agus carraig oilbheum, dhoibhs’ a thuisleas air an fhocal, air dhoibh bhi eas-úmhal, chum an d’ órduiche fós iad.” 1 Pead. ii. 4,—8. “Tha rioghachd néimh coltach ri duin’ a fhuair ionmhas, ’s a thaobh a gháirdeachais air a shon reic s é ’n t iomlan do na bh’ aige,” Mat. xiii. 44. Tha na briathra sin a’ nochda ceart seol a chreidimh, sin r’a radh, gur ann trid IOSA CRIOSD a bhios daoin’ air an sábhala, mar tha é air fhoillseacha san t soisgeul; tha ’n cridhe lán toilichte leis an innleachd sin mar ni a tha ga lán-shásucha. ’S é so creidsinn ann am Mac DHIA a tha air a thogail suas: a tha air a choimeas ri amharc suas air an naithir phrais, Eoin iii. 14. ’S ann do bhri’ gun do thaitin an t innleachd sin ris an duin’ a rinneadh éifeachdach é chum a leigheas; ’s amhuil a tha chúis ann so, “an ti a tha mar so a’ creidsinn, chuir s é a sheula ris, gu bheil DIA fior,” Eoin iii. 33. Fior? cia ann? ann san fhianais sin a thug é, gun d’ fhuair DIA beatha do dhaoine, ’s gur ann an CRIOSD a tha slaint’ agus sonas siorruith ar anma [TD 74] neo-bhásmhor a’ co’-sheasamh, do bhri’ gur easan a ghabh os laimh ar saoradh, trid fhuil ioc-shlainteach fein a dhortadh air ar son, l Eoin v. 10, 11. “An ti nach creid, rinn é breugoire do DHIA.” Cia ann? ’Na radh gur é IOSA CRIOSD an t slighe chinnteach neo-mhearachdach agus thearuinte chum néamh. ’S é so bhi lán-toilichte leis an innleachd sin; agus tha é co’-fhreagra do gach ni tha air a chuir sios san sgriobtuir mu thimchioll creidimh a dh’ fhírinnicheas. ’S é so creidsinn ann CRIOSD, gabhail ris agus an sochcrach air chum slainte, tha air a chuir sios ann leabhar na’n ceist; a chreidsinn gur é IOSA an CRIOSD, ’s é sin, an t AON úngte, a sheulaich an t Athair, ’s a chuir s é air leith, ’s a rinn é iomchui fa chomhair na h oibre sin, eadhoin, an duin’ a dheanamh réi’ ri DIA; agus “tha easan a tha creidsinn gur e IOSA an CRIOSD, air a bhreith o DHIA,” 1 Eoin v. 1. ’S é so a chreidsinn o’n chridhe, gun do thog DIA suas CRIOSD o na mairbh, Rom. x. 9. Tha ’n duin’ a’ creidsinn gun d’fhuair CRIOSD bás, ’s gun d’éirich é chum lán-díoladh a thoirt air son peacaidh a chinne-daoine. Faodai deamhain an ni ceudna a chreidsinn: ni h eadh, ach tha ’n duine mu bheil mis’ a’ labhairt, ga lán-chreidsinn le uile chridhe, (ni nach ’eil an comas do neach a tha ann staid náduir a dheanamh, gus an tiubhrar an cridhe nuadh dha,) ’s é sin, tha é gabhail tlachd ann, sásuichte, agus lán-toilichte leis an innleachd ro-luachmhor so. Agus tha ’n creidimh so ga nochda fein an drást agus a rithist ’n a h oibreacha, ’na dol amach agus ’na gnathach, a reir gach uile dháimh a chúmhnant’ fui’ bheil CRIOSD air a nochda san sgriobtuir. [TD 75] Anoise, tha mi ’g radh, gu bheil an creidimh so follaiseach so-mhothachai, ni h ann amháin sna h oibreacha sin iomadh uair; faodai duine fios a bhi aige bheil cíocras geur air a chridhe ann diaigh CHRIOSD, ’s a’bheil é a’teiche da ionnsui chum a dhion, ’n uair bhios é air a dhian-ruagadh, ’s ma tha é ga lán-earbsa fein ri árd Uachdran neamh agus na talmhuinn, &c. ach mar an ceudna ’na ceart nádur, mar tha i a’ fíreanacha, tha i soilleir so-aithniche. Faodai duine lán-chinnte bhi aige mun chúis, ma tha chridhe, le mothach air a thruaighe fein, agus air iomlaineachd CHRIOSD, lán-toilichte le innleachd DHE ann san nuadh cho’-cheangal; ma tha é dol amach ann diaigh CHRIOSD ann san innleachd sin, agus ma tha é ag a thoileacha mar Ughdar agus mar Uachdran beatha dhaoine, a’ stad ’s a’ sochcrach air an Fhear-shaoraidh, ’s ni h ann air ni na air neach sam bith eile, a’co’-aontacha leis an doigh sin chum peacaich a shábhala le togradh agus le tlachd. ’S ni so a tha ro shoilleir: uime sin tha mi’g asluch air daoine gu ’n ceasnuich agus gu mion-rannsuich iad iad fein gu ceart-bhreitheach neo-chlaon, ’s ma mothaicheas iad gun do ghabh an cridhe air a mhodh sin ri innleachd sin na slainte trid IOSA CRIOSD, ’s gu bheil iad ’ga mheas ro luachmor, gu’n gabh iad os laimh, gun tuill’ ag a chuir sa chúis, gu bheil aca fior chóir shonraicht air IOSA CRIOSD, agus air crún na beatha, chionn “nach d’ théid an ti a chreideas a sgrios am feasd, ach gu ’m bi a bheatha mhaireannach aige,” Eoin iii. 16, 36. [TD 76] CAIB. VIII. An t eadar-dhealuch a tha eadar creidimh chealgoirean ’s an creidimh fior slainteil a dh’ fhirinnicheas. Cunn. THA seorta creidimh aig cealgoirean ’s aig daoin’ aingidh ann-diadhui, ’s tha é air a’radh gu bheil iad a’ creidsinn, Eoin ii. 23, 24. “Chreid móran ’na ainm, ’n uair chnnnaic iad na miorbhuil’ a rinn é. Ach cha d’ earb IOSA e fein riu, do bhri’ gu’m b’ aithne dhá na h uile dhaoine;” Gniomh. viii. 13. “Ann sin chreid Simon an draoidh mar an ceudna;” ’s tha iad a’ dol amach ann diaigh CHRIOSD, ’s ann diaigh innleachd sin na slainte, ’n uair a chluinneas iad iomradh air: ’s tha iad a’g aidmheil gu bheil iad a’ deanamh mar sin, gidheadh tha iad air am mealladh, agus faodai mis’ a bhi mar sin cuideachd. Freag. Gun smid a radh mu thimchioll smuainte sin do chridhe, (leis a’ bheil thu ’gabhail iongantais nach ’eil gach neach lán-toilichte le innleachd na slainte trid IOSA CRIOSD, ’s a’ treorach amach da ionnsui,) mar chomhara ro mhaith, a tha dearbha gu bheil an creidimh a dh’ fhírinnicheas agad cheana; ’s gun fhocal a labhairt ann aghai smaointeacha do chridhe, gu’m faod duine nach ’eil air iompach o staid náduir, am fad sa bhuanaicheas é mar sin, ’s m’am faigh é ’n cridhe nuadh, tlachd a ghabhail san innleachd sin, ’s a lán-chreidsinn le uile chridhe, an ni sin a thilgeas gu buileach cúmhnanta na’n gniomh bonn os cionn, ’s a dh’ islicheas duin’ a thaobh fein-fhíreantachd air an d’ rainig é cheana, no air an urrain é ruigheachd, ni nach ’eil [TD 77] a’co’-fhreagra do mhóran do dhearbh-fhírinn an sgriobtuir; tha mi cuir fa d’ chomhair nan eadar-dhealucha so a leanas eadar creidimh chealgoirean no luchd aingi’eachd, agus an creidimh fior slainteil sin a dh’ fhírinnicheas, mun do labhair sinn cheana. 1. Cha ’n ’eil iad idir a’ gabhail ri IOSA CRIOSD ann san innleachd sin, agus ris-san ’na aonar mar chómhdacha leoir-fhoghainteach d’an súilibh, mar tha é air a’radh mu Abraham do Shara, Gen. xx. 16. Tha iad fhathast a’ deanamh greim air ni eigin a bhuineas d’am fíreantachd fein, air a chuid is lugha chum cómhna dheanamh riu gu fábhar agus slainte DHE fhaotainn: tha ’n cridhe do ghná a’ labhairt, mar labhair an t óganach sin, Luc. xviii. 18. “Ciod a ni mi chum ’s gun sealbhaich mi a bheatha mhaireannach?” Os-barr air, gu bheil iad fhathast a’ gleidheadh an seann leannanan gráidh, ’s cha bhris iad an cúmhnanta ri ifrinn agus ris a bhás, a’ saoillsinn gu’m faod iad CRIOSD a bhi aca maille ris na nithe so, aig a bheil urrad do’n chridhe ’s a tha air a bhuileach air an t Slanui’-fhear bheannuichte, calg-dhireach ann aghai so, Mat. vi. 24. “Cha’n’eil é ’n comas do dhuine seirbheis a dheanamh do dhá mhaighstir.” An dara cuid ’s eigin CRIOSD a mheas ’na lán-Uachdran, agus ’na mhaith an aithrigh air an uachdranachd sin, air neo gun bhuntuinn sam bith bhi aca ris. ’S mar so tha é dearbh shoilleir, nach ’eil an cridhe air a dhealbh fa chomhair innleachd sin na slainte trid IOSA CRIOSD, neach a rinn DIA nam feart amháin ’na THIGHEARN’ ann so, ann sa bheil gach iomlaineachd a’ gabhail cómhnuidh. Ach far a’bheil creidimh a dh’ [TD 78] fhírinnicheas, tha anam agus cridhe duin’ a’ gabhail ri CRIOSD, agus ris-san amháin, “gun mhuinighin air bith a chuir san fheoil,” Philip iii. 8. Salm lxii. 5. “Tha é ’g earbs’ amháin ann DIA.” Mar an ceudna fós, tha ’n duin’ ann so a’ cuir cúl r’a leannain gráidh eile, on a tha iad a’ co’-stri ri CRIOSD, tha é cuir roimhe nach bi é air son neach eile, Hos. iii 3. tha e gairm a THIGHEARNA dh’eth, ni nach urrain duin’ a dheanamh ach amháin trid Spioraid CHRIOSD, 1 Cor. xii. 3. 2. Mar nach ’eil cealgoirean agus daoine mi-dhiadhuidh a’gabhail idir ri CRIOSD gu h iomlan na aonar; cha ’n ’eil iad uair air bith a’gabhail ris mar tha é air únga’ gu bhi ’na Righ, chum riaghladh os cionn duin’ ann sna h uile nithe; ’n a Shagart, chum síth agus maitheanas fhaotainn do dhuin’ ann sgach cúis: ’na Fháidh, chum bhi ’na ghliocas, ’s ’na fhear teagaisg agus ’na chomhairleach ann sgach cúis do dhuine: mar so cha ’n ’eil iad a’gabhail ri CRIOSD, gu h áraidh ann sa cheud no ann san treas oifig. Ach far a’bheil am fior chreidimh a dh’fhírinnicheas, tha duin’ a’ gabhail ri CRIOSD gu h iomlan ’na uil’ oifigeadh a’ meas gu bheil a thoil uile maith, naomha, co’-thromach agus spioradail, Rom. vii. 12, 14. agus ceart mu thimchioll nan uile nithe, Salm cxix. 128. a’ deanamh luaidh air fhíreantachd-san amháin Salm lxxi. 16. Tha ’n duine mar an ceudna ’g a thoirt fein suas chum bhi air a theagasg leis, Mat. xi. 29 “Foghlumaibh uamsa.” Air chor ’s gu bheil CRIOSD air a dheanamh” do’n fhior chreideach, le lán-toil fein, “’na ghliocas, ’na fhíreantachd agus ’na shaorsa iomlan,” 1 Cor. i. 30. ’S ge nach ’eil aige na nithe sin uile o’n leith a [TD 79] muigh ’na ghnáthacha, ’n uair tha chridhe a’dol amach ann diaigh CHRIOSD, gidheadh, ’n uair a dh’fheuchar gu ceart ’s a gheur-rannsuichear a chúis, gheibhear gach ni mar a thuirt mi aige. 3. Cha ’n ’eil cealgoirean agus daoin’ aingidh idir a’gabhail ri CRIOSD, agus ris na nithe draghail a tha ’g a leantuinn: tha iad a’ stad ann sin maille ris an sgriobhuich, Mat. viii. 19, 20. Ach far a’bheil creidimh fior a dh’ fhírinnicheas, tha duin’ a’ gabhail ris ann sgach cunnart; tha é cuir roimhe gun tréig é gach aon ni, mun tréig é CRIOSD. “Dh’ fhág sinn gach ni, agus lean sinn thusa,” Marc. x. 20. Tha é meas nan uile nithe ’n an calldach agus ’n an aolach, air son ro-oirdheirceis IOSA CRIOSD, mar a THIGHEARNA, agus gu ’m faighear ann-san é,” Phillip. iii. 8, 9. Dh’fhaodamaid tuille do dh’eadar-dhealuch a nochda dhuibh; mar tha, gu bheil fior chreidimh a’g oibreach, a ’glanadh a chridhe, Gniomh xv. 9. a’g oibreacha tre ghrádh, Gal. v. 6. ’n uair nach ’eil na cealgoirean a’glanadh ach amháin taobh a muigh na méise, Mat. xxiii. 25. ’s a’ deanamh gach ni chum ’s gu ’m faicear le daoin’ iad, Mat. vi. 5. gun bhi ’g iarrui na glóir’ a tha o DHIA amháin, ’s mar sin cha ’n ’eil é ’n comas doibh creidsinn, Eoin v. 44. Dh’fhaodamaid a nochda mar an ceudna, nach ’eil fior chreidimh ’na h aonar ann duine uair air bith, ach tha grása slainteil eile ’na co’-chuideachd: ach do bhri’ gu bheil na nithe sin a’co’-shineadh ris na nithe a leanas, tha sinn a’ cuir dáil ionnta san ám so; ’s air son nach ’eil sinn ann so ach a ’nochda gu ’m faod duine a slaid ghrásmhor aithneacha le chreidimh, agus le h oibreach air IOSA CRIOSD an slanui’-fhear. [TD 80] CAIB. IX. Mun Chreatuir Nuadh. ’S E ’n creatuir nuadh, an dara comhara mór air staid ghrásmhor, ’s air cóir fhior shlainteil air CRIOSD, 2 Cor. v. 17. “Ma tha neach air bith ann CRIOSD, ’s creatuir nuadh é.” Tha ’n cruthacha nuadh so n’an t ath-nuadhacha so air an duine, ’na atharracha ro shoilleir, gar a’ bheil é mar sin annta-san a tha gu h éifeachdach air an gairm o’n bhroinn, no ann an aois an óige; do bhri gu bheil an creatuir nuadh aig a mhuinntir sin o’n ám sin, air chor ’s nach ’eil an t atharracha so r’a fhaicinn ionnta ann diaigh láimh; gidheadh tha é so-fhaicinn ann sa mhuinntir sin a bha air an ath-ghineamhuin ’s air an toirt a dh’ ionnsui CHRIOSD ann déis dhoibh teachd gu h aois, ’s a bha air dhoigh ni’s ro-shoilleire fui’ chumhachd an dorchadais, man raibh iad air an atharracha gu rioghachd CHRIOSD, Col. i. 13. Ach ’s eigin gu’m bi an nuadh chreatuir so ann sgach neach a tha gabhail os laimh le barantas gu bheil cóir ac’ air CRIOSD; ge nach ’eil fios aig cuid-eigin dhiubh o’m fiosracha fein air na nithe a tha ’n aghai gach earran d’ eth, mar tha fios aig daoin’ eile; do bhri’ nach raibh iad, a thaobh gnáthacha, fui’n aon tomhas do chumhachd an dorchadais. ’S é ’n “duine nuadh” a theirear ris an nuadh chreatuir so, Col. iii. 10. ni tha nochdadh a mheud. Cha ’n é amháin teanga no lámh nuadh, ach “duine nuadh.” Tha rún do nuadh bheatha agus do ghluasad air a chuir ann san duine, [TD 81] ni is é an cridhe nuadh; agus tha ’n nuadh rún beatha sin a’ cuir amach gniomhartha beatha, no gniomhartha a tha freagarrach do dh’iomhaigh na ti a chruthaich é, Col. iii. 10. air chor ’s gu bheil iad air an ath-nuadhach ann tomhas eigin air gach doigh. Faodar labhairt mu ath-nuadhach an duine tha air mhodh slainteil ann CRIOSD, fui’n dá cheann mhór theagaisg so a leanar. AIR tús, Tha ’n duin’ ann an tomhas eigin air ath-nuadhacha, ’na anam agus ’na chorp. 1. Tha thuigs’ air a h ath-nuadhach, air chor ’s gu bheil é ’meas gur é CRIOSD air a shearmonacha san t soisgeul “gliocas agus cumhachd DHE,” agus innleachd ro luachmhor chum peacaich a shábhala, 1 Cor. i. 23. 24. Tha fios bunailteach aige mu na nithe a bhuineas do DHIA, nach ’eil iad ’n an seadh agus ’n an ni h eadh, ’s ’nam baraile neo-chinnteach; ach gur seadh agus amen gach aon dhiu, gu bheil iad gu dainnean, cinnteach, bunailteach; air dha ionmhas ionmhuinneach a bhi aig’ ann IOSA CRIOSD, ’s a’ rúnacha móran ann, 1 Cor. ii. 14, 15. “Cha ghabh an duine nádurra ri nithibh Spioraid DHE: oir ’s amaideachd leis iad; ’s ni bheil é ’n comas da eólas a ghabhail orra, do bhri’ gur ann air mhodh spioradail a thuigear iad. Ach bheir an duine spioradail breith air na h uile nithe,” 2 Cor. i. 18, 19, 20. “Mar tha DIA fior, cha b’é ar cómhra’ ruibh-se seadh, agus ni h eadh. Oir Mac DHIA IOSA CRIOSD, a shearmonuiche ’n ar measg-sa leinne, eadhoin leamsa, agus le Silbhánus, agus le Timoteus, cha raibh é ’na fheadh ’s ’na ni h eadh, ach ann-san bha seadh. Oir geallaine DHE uil’ ann-san is seadh iad, agus ann- [TD 82] san is amen iad, chum glóir DHE d’ar taobh-ne.” Ge d’ a dh’ fhaodas daoin’ a tha ’n staid náduir, a tha air am foghlum fui’ órduighean an t soisgeul, cáil-eigin do bharail eólais a bhi aca mu DHIA, mu CHRIOSD, mu na geallaine, mu ghluasad an Spioraid Naoimh, &c. air chor ’s gu ’m faod iad labhairt, searmonach, connsuch agus deasboireachd mu na nithe sin; gidheadh ni bheil iad ach ga meas mar theagasg suidhichte cumannt’ a chreidimh Chriosduidh, agus gur neónachas agus masladh gun ghabhail riu; ach cha ’n ’eil iad ga meas no idir a’gabhail riu mar dhearbh-fhírinn chinntich, dhainnean, sheasmhaich, air chor ’s gun earbadh iad an anma ’s an sonas siorruith riu. Tha ’n tuigs’ air a h ath-nuadhacha mar an ceudna, chum cáil-eigin do ghlóir DHE a thoirt fainear ann sna creatuiribh, air dhoibh bhi giulan cáil-eigin da bhuaidhibh glóirmhor, Salm xix. 1. Tha iad a’faicinn na néamh a’foillseach a ghlóir agus a chumhachd; agus ni eigin do ghlóir agus do fhreasdal DE ann sgach fritheala tha tuiteam amach; tha oibreadh iongantach a’ nochda gu bheil ainm am fogus, Salm lxxv. 1. Tha ’n tuigse mar an ceudna a’ toirt fainear staid an anma, air doigh eile nach bu ghná leatha; mar is gná leis na naoimh labhairt san sgriobtuir, “O m’ anam, thuirt thu ri DIA, ’S tu mo THIGHEARNA,” Salm xvi. 2. Thuirt m’ anam, Iarrui mi do ghnúis,” Salm xxvii. 8. “O m’ anam c’ar son a tha thu air do thilge sios?” Salm xlii. 5. Salm xliii. 5. “O m’ anam pill gu d’ shuaimhneas is gu d’ thámh,” Salm cxvi. 7. 2. Tha ’n cridhe agus na ceud-faithean air an ath-nuadhacha. Tha ’n cridhe air a dheanamh [TD 83] nuadh, ’na chridhe feola, so-lúbaidh, air do lagh DHE bhi air a chlo’-bhualadh air, agus eagal an Uile-chumhachdaich air a chuir ann, leis a’ bheil dleasnas an duin’ a’ fás ann an seadh nádurr’ agus caomhail dhá, Ier. xxxii. 39, 40. Esec. xxxvi. 26. Bha é roimhe so ’na chridhe cloiche, gun eagal DIA ann. Tha na ceud-faithean anois’ air an ath-nuadhacha. Tha ’n grádh air ath-nuadhach ann an tomhas mór, tha é grádhacha DHE, “Grádhaichi mi an TIGHEARNA,” Salm xviii. 1. tha é grádhach a reachd, “O cia toigh leamsa do lagh!” Salm cxix. 97. tha é grádhacha na h aitim aig a’ bheil iomhaigh DHE ionnta, Eoin xiii. 35. “Leis a so aithnichi na h uile dhaoine gur sibh mo dheisciobuil-se, ma bhios grádh agaibh fein da chéile.” 1 Eoin iii. 4. “Tha dearbh-chinnt againn gun deachai sinn thairis o bhás gu beatha, do bhri’ gu bheil grádh againn do na bráthraibh.” Tha ’n grádh so do luchd-muinntir DHIA air a shochcrach air stéigh ghloin, air son gu bheil iad ’nan cloinn do DHIA, ’s a’ coimhead a reachd, 1 Pead. i. 22. “tha é le cridhe glan gu dúrachdach;” ’s air an aobhar sin tha e dol a dh’ ionnsui na muinntir sin uile, a tha ’n duin’ a’ breithneacha bhi ’n an luchd muinntir do DHIA, Salm cxix. 63. “’S companach mi dhoibh-san uile air a bheil t eagal, agus dhoibh-san a tha coimhead t aitheanta:” ann sgach uile chúis agus staid, eadhoin far nach ’eil ni sam bith gu chliuthacha na fhágail sgiamhach maiseach, ach iomhaigh DHE. Agus tha ’n grádh so cho dian dheineachdach iomadh uair, 1 Pead. i. 22. ’s gu bheil é ’ga chuir fein amach ann sgach dáimh, air chor ’s gu bheil duine ’g iarrui bean [TD 84] dhiadhui, maighstir diadhui, seirbheiseach diadhui, agus fear-comhairlich diadhui, ma bhios iad aige fa raoghain, Salm ci. 6. “Bithidh mo shúil air fireanaibh na tíre, chum ’s gu ’n gabh iad cómhnui maille rium; an ti a ghluaiseas ann slighe iomlan, ni easan seirbheis dhomh-sa.” ’S cha choisgear an grádh le móran uisgeachan, Laoi Sho. viii. 7. cha choisg móran mhearachd agus anmhuinneachd, eadar-dhealucha barail, no dochair a gheibhear, an grádh gu h iomlan. Mar an ceudna tha é co’-pairteacha maith a reir a thomhais, ’s mar tha staid na muinntir bhochd dhiadhuidh a’g iarrui, Salm xvi. 2. ’S tu mo DHIA, cha ’n ’eil “mo mhaitheas a ruigheachd orts’, ach air na naoimh, &c.” 1 Eoin iii. 17, 18, 19. “Ach ge b’é neach aig a’bheil saibhreas an t saoghail so, ’s a chi a bhráthair ann uireasbhui, ’s a dhruideas a chridhe ’na aghai, cionnas a tha grádh DHE a’gabhail cómhnuidh ann-san? Mo chlann bheag, na grádhaicheamaid ann guth, no ann teangaidh, ach ann gniomh agus am fírinn. Agus le so is aithne dhuinn gu bheil sinn do’n fhírinn, agus bheir sinn dearbh-chinnte d’ ar cridheachan ’na láthair do thaobh sin.” Tha fuath an duin’ air ath-nuadhach, agus tha é claonadh ann aghai a pheacai, Salm cxix. 113. “’S fuath leom smuainte diomhain,” ’s ann aghai naimhdean DHIA, Salm cxxxix. 21, 22. “Nach fuathach leam an aitim leis am fuathach thusa? &c.” Tha ceudfath an aoibhneis no an t subhachais air ath-nuadhacha, oir tha é ’g aomadh a dh’ionnsui DHE, Salm lxxiii. 25. “Cia th’ agam ann sna néamha shuas, ach thus’ a DHIA nan dúl? is ni bheil neach air talamh [TD 85] fós ach thus’ a’bheil mo dhúil;” tha é ’g aomadh a dh’ionnsuidh a reachd agus a thoil, Salm i. 2. “Tha thlachd ann lagh a THIGHEARNA;” ’s a chum nan daoine diadhui ’s an co’-chomunn, Salm xvi. 3. “Do na naoimh ann sa bheil mo mhór thlachd.” Tha ’m brón air tionndadh ann aghai a pheacai rinn dochoir air an t Slanui’-fhear, Sech. xii. 10. air dhoibh amharc air an ti a lot iad, tha iad ri caoi agus ri brón, 2 Cor. vii. 11. tha’ m brón ann sin diadhui’; ’s ann aghai ni air bith a tha lughdacha glóir DHE; tha iad brónach air son a cho’-thionail naomha, agus ’s é toibheum na muinntir sin an trom uallach, Seph. iii. 18. Tha cáil-eigín do dh’ ath-nuadhach ann sna ceud-faithean uile, mar ann sgach earran eile do’n anam a tha ’nois’ a’g aoma’ dh’ ionnsui DHE. 3. Tha buill an duine o’n leith a muigh air an ath-nuadhacha, mar tha’n sgriobtuir a’g radh, an teangadh, an t súil, a chluas, an lámh, a chos, &c. air chor ’s gu bheil na buill sin a bha aon uair air an gnáthacha mar inneil neo-fhíreantachd chum peacaidh, anois’ air an gnáthacha mar inneil fíreantachd chum naomhachd, Rom. vi. 19. San dara h áite, Tha duin’ a tha ann an CRIOSD, air ath-nuadhach ann an tomhas eigin ’na uile shlighibh: “Feuch tha na h uile nithe air fás nuadh,” 2 Cor. v. 17. Tha ’n duin’ a’ fás nuadh, 1. A thaobh a shonais: Bha é toilichte le ni maith air bith roimhe, ge nach raibh ann ach maith o’n leith a muigh, Salm iv. 6. “Tha móran a’g radh, cia nochdas aon ni maith dhuinn?” Ach anoise sann tha shonas agus a mhór ghnothach a’co’-sheasamh ann an cionnas a gheibhear ann CRIOSD é air chionn an lá sin, Phil. iii. 9. [TD 86] no cionnas a bhios é freagarrach dha, ’s a ghluaiseas é ’na fhianuis ann sealla nam beo, Sal. lvi. 13. ni a roighnicheadh é thair gach aon trócair eile tha lionadh an domhain, Salm cxix. 64. “Tha ’n talamh, O THIGHEARNA, lán do d’ thrócair; teagaisg dhomh do reachd.” Tha maith CHRIOSD a’ fás ’na mhaith dhá-san, mar a chi sinn an Laoidh Hannah, 1 Sam ii. agus ann Laoidh Mhuire, Luc. i. ’S iongantach an ni bhi faicinn daoine nach ’eil ach air an úr-iompacha, ’s nach d’rainig ach air toiseach eólais, a’gabhail gnothach ri nithe follaiseach rioghachd CHRIOSD, cho deóineach thogarrach air easan a bhi marcachd gu buadhach árd, ’s a’cuir an t sluaigh fui’ lán cheannsal-san. 2. Tha ’n duin’ a tha ’n CRIOSD air ath-nuadhacha ’na sheol aodhrai’. B ’ ábhaist da seirbheis a thoirt do DHIA ann seanndachd na litreach,” sin r’a radh, air sgáth sgéimh, a’ co’-fhreagra do litir na h áithne ann taobh a muigh an dleasnais, ni a tha neach a tha fui’ lán-cheannsal an t seann duine comasach air a dheanamh: ach anoise tha é ’toirt aodhra do DHIA “ann nuadhachd spioraid,” Rom. vii. 6. air doigh nuadh, ann sa bheil “Spiorad DHE a’deanamh cómhna’ ris,” Rom. viii. 26. ni nach ’eil ann comas do dh’ fhuil agus do dh’fheoil. Tha é ’nois’ a’ deanamh seirbheis do’n DIA bheo agus fhior,” 1 Tes. i. 9. “ann spiorad agus am fírinn,” Eoin iv. 24. air dha smuaintibh spioradail a bhi aige mu DHIA, ’s a’gabhail na h oibre sin os laimh gu ro dhúrachdach ’na anam, a’ deanamh ’s a’ labhairt gu fior neo’-chealgach ’n uair ni é aodhradh; a sior “mhiannucha dlúthacha ris mar DHIA beo,” a tha ’ga éisdeachd [TD 87] agus ’ga fhaicinn, ’s a tha comasach air gabhail gu taitneach r’a sheirbheis, Salm xlii. 1, 2. Tha mi ’g aideacha gum bi é gaoirid air so iomadh uair; gidheadh faodai mi a radh, gur é shamhuil sin do dh’ aoradh a bha ’n a rún, ’s air a bheil é air uairibh a ’g amus, ’s ni bheil mór mheas aig’ air an aoradh sin, nach ’eil air a cho’-liona mar sin do DHIA; agus cha ’n é aingi’eachd a nithe naomh an earran is lugha d’a uallach agus d’a ghnáthacha. Tha daoin’ a th’ ann an staid náduir ’n an coigrich air a shamhuil sin do dh’aoradh: ’n uair a tha iad gu neo-thuigseach a’taosgadh amach an gloir dhiomhain, ’s a’deanamh uaill as gu h uaimhreach árdanach, cosmhuil ris an Pharaiseach, Luc. xviii. 11, 12. “do’n DIA neo-aithnichte,” Gniomh xvii. 23. 3. Tha ’n duin’ a tha ann an CRIOSD air ath-nuadhacha ’n a ghairm agus ’na ealain o’n leith a muigh ann san t saoghal; tha é ’nois’ a’cuir roimhe cuir mu dhéimhin, o’n a dh’ órduich DIA é, “gun bhi leasg an gnothaichibh, dúrachdach an spiorad, a ’ deanamh seirbheis do’n TIGHEARNA,” Rom. xii. 11. ’s a’ beachdach air DIA ann mar a chrioch dheireannach “ga dheanamh chum a ghlóire,” 1 Cor. x 31. agus a’g oirpeacha cáil-eigin do cho’-chomunn a bhi aige ri DIA ann cuir ann gniomh oibridh o’n leith a muigh, mar rinn Iacob ’na thiomna deireannach, Gin xlix. 18. “Dh’ fheith mi ri d’ shlainte, O THIGHEARNA.” Agus mar rinn Nehemia, Nehem. ii 4. “Ann sin thuirt an Righ rium, Ciod a tha thu a’g iarrui? Ann sin rinn mi úrnuigh ri DIA nam flaitheas.” Mar sin tha ’n duin’ a’ rúnacha gluasad maille ri DIA, ’s ga [TD 88] chuir a ghná roimhe ann sgach cúis,” Salm xvi. 8. ni tha mi ’g aideach, ann sam bi é gu minic gaoirid air a rún. 4. Tha é fás nuadh da luchd-dáimh; tha é fás ’n a fhear-posda, ’n a athair, ’n a bhráthair, ’na mhaighstir, ’na sheirbheiseach, ’n a choimhearsnach, &c. ni ’s dleasnaiche na bha é roimhe: ann so bithidh é ro-shaoithreachail air fein, chum coguis neo-lochdach a bhi aig’ a thaobh dhaoine, co maith ’s a thaobh DHE, Gniomh. xxiv. 16. a’ fás ’s na h uile chruth do na h uile dhaoine, 1 Cor. ix. 22. 5. Tha é fás nuadh ann an saorsa laghail; tha é ’ga shochcracha fein chum biadh, deoch, codal, aigheir, agus truscan a ghnáthacha le bhi dearcadh air DIA, a’ saoithreacha chum ’s nach d’ thigeadh é fa chumhachd ni mi-laghail sam bith, 1 Cor. vi. 12. “Tha na h uile nithe ceadaichte dhomh-sa, ach ni bheil na h uile nithe iomchui; tha na h uile nithe ceadaichte dhomh, ach cha chuirear mi fui’ chumhachd ni sam bith:” no idir a thoirt oilbheum do mhuinntir eile ann gnáthacha nan nithe sin, Rom. xiv. 20, 21. “Na cuir a mugha obair DHE air son bídh; gu deimhin tha na h uile nithe glan; ach ’s olc do’n duine sin a dh’ itheas le h oilbheum. ’S maith an ni gun fheoil itheadh, no fion ól, no ni air bith a dheanamh leis am faigh do bhráthair tuisle, no oilbheum, no leis an deanar lag é,” Rom xv. 2. “Toilicheadh gach aon againn a choimhearsnach g’a mhaith chum a thogail suas; gun bhi gnáthacha na saorsa ’na cion-fáth do’n fheoil, Gal. v. 13. Seadh, tha é saoithreacha chum na nithe sin uil’ a ghnáthacha mar choigrich air thalamh, chum s gum bi a mheasarrachd air a nochda, Philip. iv. 5. [TD 89] “Biodh bhur measarrachd follaiseach do na h uile dhaoine.” Agus tha é air dhoigh eigin a’ dearcadh air DIA mar a chrioch dheireannach ann sna nithe sin, 1 Cor. x. 31. “a’ deanamh gach aon ni chum glóir DHE;” air chor ’s gum faod sinn a radh man duine sin “Chaidh na seann nithe thairis, tha gach aon ni” ann tomhas eigin air fás nuadh,” 2 Cor. v. 17. Tha, ’n ti sin a tha mar so ’na chreatuir nuadh, gun teagamh air bith ann an CRIOSD. ’S é ’n t ath-nuadhacha so air duin’ ann sgach gné chaithe’-beatha, ’s a bhi mar so fui’n lagh do DHIA ann sgach aon ni, an naomhachd sin ni as eug’ais nach fhaic neach sam bith an TIGHEARNA, Eabh. xii. 14. Faodai daoine nitheannan a bharalacha dhoibh fein; ach mar dean iad an díchioll air iad fein a dhearbha do DHIA, ann sgach ni ro thaitneach, ’s mar ruig iad air cáil-eigin do theisteas o ’n leith a stigh air an treibh-dhireas ann sa chúis, cha d’thoir iad dearbh-chinnte d’an cridhibh ’na láthair-se. “’S é gáirdeachas dhaoine fianuis an coguis,” 2 Cor. i. 12. “Le so tha fios againn gur aithne dhuinn é, ma choimheadas sinn áitheanta,” 1 Eoin ii. 3. Agus le so ’s aithne dhuinn gu bheil sinn do’n fhírinn, agus bheir sinn cinnte d’ ar cridhibh ’na láthair do thaobh sin. Oir ma dhíteas ar cridhe sinn, ’s mó DIA na ar cridhe, agus ’s aithne dha na h uile nithe. A cháirde grádhach, mur dít ar cridhe sinn, tha dánachd againn a thaobh DHE,” 1 Eoin iii. 19, 20, 21. Ni bheil dánachd no muinighin air bith aig daoine, tha dhíteas an cridhe iad.’S é so an creatuir nuadh, air dha rún do nuadh bheatha spioradail a bhi aige air a thaosga le DIA ann sa chridhe, [TD 90] leis a’bheil é fás nuadh, ’s a’ cuir amach gniomhartha do nuadh bheatha trid an duine gu h iomlan, mar a nochd sin roimhe; air chor ’s mar tha é géilleadh do’n lagh gu h iomlan: araon a thaobh nan áitheantaibh sin a tha toirmeasg peacaidh, agus a bhuineas do dhleasnas, agus do dh’ ath-bheothacha gráis ann san duine: gu bheil é mar sin a’cuir roimhe gu ’n cuir é ann aghai gach peaca diomhair, “gun cheap-tuislidh a chuir ann rathad an doill,” Lebh. xix. 14. peacanna beaga, a tha air a mheas le móran, gur iad sin na nithe is lugha do’n lagh, Mat. v. 19. “Ge b’é neach a bhriseas aon do na h áitheantaibh so is lugha, ’s a theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duin’ is lugha dh’eth ann rioghachd néimh:” peacaibh spioradail, salachar an spioraid, 2 Cor. vii. 1. “A mhuinntir mo ghráidh, air dhuinn na geallana so a bhi againn, glanamaid sinn fein o gach uile shalachar na feola agus spioraid, a’ co’-liona naomhachd ann eagal DE:” peaca dearmad co maith ri peaca deanadais, o’n is ann leis na nithe sin a bheirear breith air daoine, Mat. xxv. 41, 42, 43, 44, 45. “Ann sin their sé riu-san air an láimh chlí, Imichibh uam, a shluagh malluicht’, a dh’ionnsuidh an teine shiorruith, a chaidh ullacha do’n diabhol agus d’a ainglibh: oir bha mi ocrach, ’s cha d’thug sibh dhamh biadh, bha mi tartmhor, ’s cha d’ thug sibh dhomh deoch, &c.” seadh, peacaidh a tha air an cleachda ’na chaithe’-beatha agus ’na ghiulan nádurra, ’s mar sin tha iad dha mar shúil na mar laimh dheis, Mat. v. 29. “Ma bheir do shúil dheas aobhar oilbheum dhuit, spion amach i, agus tilg uait i, &c.” Bheir an nuadh rún beatha so, air duine, le cómhnadh DHE, cuir ann [TD 91] aghai gach aon pheacadh air a’bheil é fiosrach, co fad ’s nach d’thoir é caidreamh fhoisneach do pheaca sam bith le fhios, 2 Cor. vi. 14. “Creud é caidreamh na fíreantachd ri neo-fhíreantachd? agus creud é comunn an t soluis ri dorchadas?” Mar an ceudna tha é ’géille’ do na h áitheantaibh sin a bhuineas do dhleasnas, agus do dh’ ath-bheothacha gráis ann an duine; agus bheir sin air duine mór spéis a bhi aige air uil’ áitheantaibh DHE, Salm cxix. 6. chum a bheatha a chaitheamh gu measarra, gu co’-thromach agus gu diadhui, Tit. ii. 12. seadh, agus oirp a thoirt air nithe a dheanamh air doigh threibh-dhirich cheart, a’cuir roimhe nach sguir é do bhi ’g oirpeacha bhi reir toil DE, an cian ’s is beo é air an talamh, ach a ghná “a’ dian-ruidh a dh’ionnsuidh a chomharraidh, chum geall árd ghairm DHE ann IOSA CRIOSD,” Philip. iii 13, 14. ’S é so fior naomhachd, a tha ro-iomchuidh a bhi aig gach neach a tha ’gabhail os laimh gu bheil iad ’n an oighreachaibh air an áros naomh sin, ann an cuideachd ’s ann co’-chomunn neo-mheadhonach an DIA shiorruith, 1 Eoin iii. 2. “Tha fios againn, ’n uair a dh’fhoillsichear easan, gum bi sinn coltach ris.” Saoilidh cuid eigin gur nithe ro árd iad sin, ’s gu bheil iad ro dhuilich ruigheachd orra. Tha mi ’g aideacha gu bheil so fior. Ach air tús, thugaibh fainear gu bheil luathsacha ro mhór ann sa chúmhnanta, air a ghealltuinn d’a phobull, a dh’fhágas so-dheanta na nithe sin a tha daoin’ a’ meas ro chruaidh. Ghabh an TIGHEARN’ os laimh an cridhe crunidh clochach a bhuntuinn air falbh, agus cridhe feóla a thoirt dhoibh, cridhe nuadh, cridhe air am bi eagal-san gu siorruith; [TD 92] ghabh é os laimh a reachd a chuir ann cridhe dhaoine, agus eagal fein a chuir ’nan cridhe, chum, ’s gu ’n coimheadadh iad an reachd sin; ’s gu’n cuireadh é a spiorad ionnta a thoirt orra a choimhead. Gheall é na sagairt a shásucha le nithe maithe, chum ’s gum biodh anama a phobuill air an sásucha le maitheas; ’s a chum an coimhead ’s an uisgeacha gach aon ám, Esec. xxxvi. 27. Jer. xxxii. 39, 40. Caib. xxxi. 33. Isa. xxvi. 3. Agus m ’as eigin iarruidh air na nithe sin uil’ a dheanamh do dhaoine, Esec. xxxvi. 37. tha é ’gabhail os laimh gun taosg é amach orra Spiorad n’an grás agus na h ath-chuinge, Sech. xii. 10. agus mar sin gun teagasg sé iad cionnas a dh’ iarras iad na nithe sin, agus an doigh air an cuir iad é fein thuige, chum gach ni a dheanamh air an son. San dara h áite, Chum co’-fhurtachd a thoirt do’n mhuinntir is anmhuinne, tha mi ’g aideacha nach faighear an creatuir nuadh so, air gach doigh mar a dh’ ainmich sinn é, ann sgach neach a tha ann an staid ghrásmhor. Ach tha chúis gu maith ma bhios, 1. Nuadh dhuine ann; cha ’n ’eil é ’n comas duinn deanamh leis ni ’s lugha na so; “ma tha neach sam bith ann CRIOSD, ’s creatuir nuadh é,” 2 Cor. v. 17. Agus ’s é sin an nuadh dhuine, is eigin do gach neach a tha air mhodh slainteil air an teagasg le CRIOSD a chuir úmpa; Eph. iv. 21, 22, 23, 24. “Ma chuala sibh é, ’s gun raibh sibh air bhur teagasg leis, mar ata ’n fhírinn ann an IOSA; gu ’n cuir sibh dhibh a thaobh a’cheud chaithe’-beatha, an seann duine, a tha truaillidh a reir nan ana-miannaibh cealgach: ’s gu ’m bi sibh air bhur nuadhach’ ann spiorad bhur n inntin: ’s gu ’n cuir sibh umaibh an nuadh dhuine, a tha air a chruthach [TD 93] a reir DHE am fíreantachd ’s am fior naomhachd.” ’S fheudar gu ’m bi cáil-eigin do dh’ ath-nuadhach a reir iomhaigh DHE ann anam agus ann corp an duine; ’s eigin gum bi cáil-eigin do dh’ uile bhallaibh an duine a’g aomadh a dh’ ionnsui DHE; gidheadh tha mi ’g aideacha, nach ’eil gach uile neach murrach air so a dhearbha gu soilleir do dhaoin’ eile, no idir aithneach ionnta fein, do bhri’ nach aithne do mhóran gach earran fa leith do’n anam, no idir an t ath-leasach a tha freagarrach do gach earran do’n anam agus do’n chorp, gidheadh bheir iad fainear gu bheil ni eigin d’a leithid sin ionnta, oir tha fianuis ac’ ann taobh a stigh dhiu air a chúis, ma ni thu nádur na cúise soilleir so-thuigsinn doibh. 2. ’S eigin gum bi na h urrad mheas aig duine air uil’ áitheantaibh DHE mu bheil é fiosrach, ’s nach d’thoir é caidreamh fhoisneach do pheaca sam bith le fhios; oir “creud é caidreamh na fíreantachd ri neo-fhíreantachd? agus ciod é comunn an t soluis ri dorchadas?” 2 Cor. vi. 14, 15, 16. Cha’n fhaod é spéis a thoirt do dh’ aingi’eachd: Salm cxix. 6. “Ann sin cha bhi náir’ orm, ’n uair bheir mi spéis do t áitheantaibh gu leir.” Salm lxvi. 18. “Ma bheir mi spéis do’n olc a’ m’ chridhe, cha’n éisd DIA riom.” Tha mi ’g aideacha gum faod daoine bhi ain-eolach air iomadh áithne agus peacadh, agus faodaidh iad a bhi ann am barail, ann an cuid do chásaibh, nach fuathach le DIA cuid do pheacanna; ach ma tha iad lán-fhiosrach air na nithe sin, cha ’n ’eil é comasach gum bi co’-réite air bith eadar fíreantachd agus neo’-fhíreantachd. [TD 94] 3. ’S eigin do dhaoine gluasad a reir lagh DHE gu h iomlan ’n an rúin threibh-dhireach neo-chealgach; oir cha ’n ’eil ni sam bith ann so ach an cridhe a thoirt suas do DHIA, chum ’s gu ’n cuireadh é a reachd ann gu h iomlan, ni is é earran do’n chúmhnant’ a tha sinn r’a dheanamh ri DIA, Eabh. viii. 10. “’S é so an cúmhnant’ a ni mi ri tigh Israeil—Cuiridh mi mo reachd ’n an inntin, agus sgriobhai mi iad air an cridhibh-sin.” Tha mi ’g aideacha gu bheil móran ann aig nach ’eil fhios cionnas a ghluaiseas iad a reir lagh DHE ’n an uile shlighibh; ach ma shoilleirichear dhoibh an doigh air an deanar sin, gluaisidh iad d’a reir. Agus tha é fior cuideachd, gum bi iad iomadh uair gaoirid air an rúin shuidhichte ’n an gnáthacha; gidheadh ’n uair thig iad gaoirid air, ’s urrain iad a radh, Gur é atharracha sin a bha ’n an aire dheanamh, ’s gun d’thoir iad fhathast oirp gu dúrachdach neo-chealgach air a dheanamh air mhodh taitneach, agus bithidh é ’na bhrise-cridhe agus ’n a chámpar orra gun raibh iad gaoirid air an rún, ’n uair a nochdas an TIGHEARNA dhoibh é, agus ni é sin ann ám iomchui. 4. ’N uair a tha sinn gu breith a thoirt air ar staid fein leis an nuadh chreatuir, ’s feumail duinn a dheanamh ann ám iomchui, ’n uair a bhios sinn ann deadh fhonn agus ann suidheach iomchuidh inntin; gu h áraid cha chóir dhuinn, a chúis sin a rannsucha ’n uair bhios sinn san fhonn is táire: oir tha ’n fheoil agus an Spiorad a’ miannuch ann aghaidh a chéile, Gal. v. 17. ’s air uairibh bheir an dara h aon buaidh air an aon eile, an spiorad an dara h uair ’s an fheoil an uair eile. Tha mi [TD 95] ’g radh ma’ta, gur cóir dhuinn ám iomchuidh a thagha’, ’n uair tha ’n earran spioradail a buadhach air an fheóil; oir ann san ám sin, tha ’n creatuir nuadh a’pilleadh air ais ’na shruth-chlais, ’s a chum a chleachdanna fein gu h iomlan, ach ann an cuid do nithibh beaga nach ’eil so-mhothachai, leis a’bheil é a’ cuir ann aghai na feola, a reir an sgriobtuir roi’-ainmichte: oir, ’s é sin ám a gheamhruidh ann san anam, ’s cha ruig sinn a leas dúil a bhi againn ri toradh, seadh, na idir ri duilleach, mar ann an ám eigin eile: ach an t eagal gu’n gabhadh daoin’ aingidh mi-naomh cion-fáth o na chaidh labhairt, their sinn ann so, Gu bheil an Spiorad a’faghail buaidh air an fheóil gu minic ann an duine diadhuidh, ’s gu bheil rún, miann, agus togradh áraidh a shlighe, ann lagh a THIGHEARNA, ’s é sin, a ghluasad, Salm cxix. 1. ach ’s é peaca cúrsa gnáthaicht’ an aingidh, mar tha é gu minic air a radh ann Leabhar Ghná’-fhocail Sholamh. Agus ma gheibh peaca sam bith lamh ’n uachdar air an ionracan, bithidh é ro chráiteach duilich air a shon; ’s tha sinn am barail gu bheil é ’ga shior-chumail ann earbsa ri DIA, chum a mhearachd a leasucha, mar tha Daibhi a’labhairt, Salm lvi. 13. “Nach saor thu mo chosan o thuisleadh?” [TD 96] CAIB. X. An t eadar-dhealuch a tha eadar duine tha air fhior ath-nuadhacha, ’s a tha ann an CRIOSD, agus cealgoirean. Cunn. FAODAI daoine mi-dhiadhuidh agus cealgoirean ath-nuadhach agus caochlai’ean mór a bhi air an oibreach orra, agus ionnta, ’s tha eagal orm gur é shamhuil sin ata agamsa. Freag. Tha mi ’g aideacha gu bheil aig daoine mi-dhiadhui ’s aig luchd an fhuar-chrábhuidh ioma ni ionnta, a tha coltach ris a chreatuir nuadh. 1. A thaobh buaidhean an duine, faodaidh iad, 1. Ruigheachd air mór eólas, mar Eabh. vi. 4. “Tha iad air an soillseacha.” 2. Faodai gluasad a bhi feadh an aigne’, mar a ghabhas iad am focal le gáirdeachas, coltach ris-san a fhuair an siol ann ionadaibh clochach, Mat. xiii. 20. 3. Faodaidh iad ruigheachd air móran do dh’ath-leasacha beatha san duine o’n leith a muigh, araon a thaobh saorsadh o pheacadh, agus ceanagal chum dleasnas eigin, mar rinn am Pharaiseach sin, Luc. xviii. 11, 12. “A DHE, tha mi toirt buidheachais duit, nach ’eil mi mar tha daoin’ eile, ’n an luchd foir-eigin, éa-corach, adhaltranach, no eadhoin mar am Puibleacanach so. Tha mi deanamh trosg’ dá uair san t seachduin, tha mi toirt deachamh as gach ni tha mi sealbhacha.” Seadh, 4. A thaobh an tuigse ghniomhach, faodaidh iad nithe eigin mu thimchioll DE [TD 97] a mheas ro-luachmhor; thuirt na maoir, “nach do labhair duine riamh mar a labhair CRIOSD,” Eoin vii. 46. 2. Faodai na cealgoirean móran aidmheil a bhi aca. 1. Faodaidh iad labhairt m’an lagh, m’an t Soisgeul, agus m’an chúmhnant, mar a tha na h aingidh a’deanamh, Salm l. 16. “Cha bhuine’ dhuit mo státuin fhoillseacha, no mo chúmhnant a luaidh ann a’ d’ bheul.” 2 Faodaidh iad peacadh aidmheil gu follaiseach chum an náire fein, mar rinn Righ Saul, 1 Sam. xxvi. 21. 3. Faodaidh iad an irisleacha fein ann saichd-aodach, mar rinn Ahab, 1 Righ. xxi. 27. 4. Faodaidh iad rannsucha gu díchiollach mu dhleasnas, agus teachd gu suilbhearra chum fhaotainn; Isa. lviii. 2. “Gidheadh tha iad gu laitheil ga m’ iarrui, ’s a’ gabhail tlachd ann eólas fhaghail air mo shlighibh, mar chinneach a rinn fíreantachd, ’s nach do thréig órduighibh an DIA; tha iad a’ fiosracha dhiomsa órduighibh a cheartais: ’s tha iad a’ gabhail tlachd ann dlúthacha ri DIA.” 5. Faodai cealgoirean ann ám cruaidh-chais aontacha leis an ni a bhuineas do DHIA, mar rinn Demas, agus cealgoirean eile ann leabhar Gniomhartha nan Abstol, muinntir a thuit gu tur air falbh ann diaigh láimhe. 6. Faodaidh iad móran d’am maoin a bhuileach air DIA ’s air na naoimh, mar rinn Ananias, Gniomh. v. 1, 2. a chion ’s nach d’thoir iad dhoibh am maoin uile, 1 Cor. xiii. 3. “Ge d’ a chaithinn mo mhaoin uile chum na bochdan a bheathacha, ’s gun ghrádh agam, ni bheil tairbhe sam bith dhomh ann.” Seadh, 7. Ni bheil é ea-comasach do chealgoirean an cuirp a thoirt seachd chum bhi air an losgadh, air son [TD 98] aobhair shonraicht’ eigin, mar a chi sinn ann san earran is deireannaich a chaidh ainmeacha do’n sgriobtuir. 3. Faodai cealgoirean dol fad air an aghaidh ann ceimnibh coit’-chionn gnáthaicht’a chreidimh, a leithid ’s a tha aig na daoine taghta ’n uair a bheir DIA am braighdeannas iad. 1. Faodaidh iad a bhi fui’ gheur-mhothacha peacai, mar bha Iudas, Mat. xxvii. 3, 4, 5. ’S amhuil a bha righ Saul gu minic. 2. Faodai iad crithneacha roi’ fhocal DE, ’s a bhi fui’ mhór uamhuinn, mar bha Felix, Gniomh. xxiv. 25. 3. Faodai iad gáirdeachas a dheanamh ann gabhail ris an fhírinn, mar rinn easan a fhuair an siol ann ionadaibh clochach, Mat. xiii. 20. 4. Faodai cáil-eigin do shíth ’s do shuaimhneas a bhi aca, ann dúil ri slainte trid IOSA CRIOSD, mar bha aig na h óighean amaideach, Mat. xxv. 5. 5. Faodai tomhas eigin do dh’ ath-leasacha bhi ’n co’-chuideachd nan nithe sin uil’ a chaidh ainmeacha, coltach ris an Pharaiseach, Luc. xviii. 11, 12. Faodai an spiorad neo-ghlan dol amach asda, Mat. xii. 43. 6. Faodai ’n obair so bhi mar gum biodh i air a daighneacha le cáil-eigin do dh’ fhein-fhiosrach agus do bhlasad áraid do dh’ fhocal DE, Eabh. vi. 4, 5. 4. Faodai cealgoirean nithe eigin a bhi aca ro choltach ri grásaibh slainteil an Spioraid; mar, 1. Faodai seórta creidimh a bhi aca, mar bh’ aig Simon Magus, Gniomh. viii. 13. 2. Faodai gné aithreachais a bhi ac’, agus gluasad gu dubhach, Mal. iii. 14. “Creud an tairbhe a tha ann, gun d’ imich sinn gu dubhach ann láithair TIGHEARNA nan sluagh?” 3. Faodai iad mór eagal a bhi aca roi’ DHIA, mar bh’ aig Balaam, [TD 99] nach rachadh le teachdoirean Bhalac ge d’ fhaigheadh é lán tighe do dh’ ór, gun chead fheóraich do DHIA, ’s gun chomas fhaotainn, Aireamh xxii. 18. 4. Tha seórta dóchais aca, Iob viii. 13. “Básaichi’ dóchas a chealgoir.” 5. Tha grádh eigin aca, ’s amhuil a bh’ aig Ioraith do dh’ Eoin, Marc. vi. 26. Cha ruig mi leas tuill’ ainmeach; oir ’s ni é chaidh as an teagamh gu bheil aig luchd an fhuar-chrábhui samhla cealgach do gach grás slainteil. 5. Tha ni eigin aca coltach ri co’-pairteach áraid DHE, agus fianuis a Spioraid, ann an cáil coltach ri “cumhachdaibh an t saoghail a tha chum teachd,” gu ro chumhachdach orra, le cuid eigin do dh’ aoibhneas neo-mhaireannach a’g éirigh uatha, cosmhuil ri, Eabh. vi. 4, 5. “Oir ’s ea-comasach a mhuinntir sin a chaidh aon uair a shoillseacha, ’s a bhlais an tiodhlac’ néamhui, ’s a rinneadh ’n an luchd co’-pairt do’n Spiorad naomh, ’s a bhlais deadh fhocal DE, agus cumhachdan an t saoghail a tha chum teachd; ath-nuadhach a rithist chum aithreachas, ma thuiteas iad air falbh.” Gidheadh leis gach ni dhiu sin, cha ’n ’eil iad ach mar bha Agrippa, gu inbh bhig air an iompacha gu bhi ’n an Criosduibh, Gniomh. xxvi. 28. Bhiodh é ro fhadalach labhairt ris gach ni dhiu sin fa leith, ’s a shoilleireacha nach ’eil ionnt’ uil’ ach nithe faoin suarrach gun seadh. Ainmichi mi a noise nithe eigin, ann sa bheil an duine tha air fhior ath-nuadhacha, ’s a tha ann an CRIOSD, a’g eadar-dhealuchadh o chealgoirean agus o dhaoin’ aingidh. 1. Ge b’e caochla’ bhios ann an cealgoirean, gidheadh, ni bheil an cridhe air atharracha ’s air a dheanamh nuadh: Cha ’n ’eil an cridhe nuadh [TD 100] air a thoirt seachad ach do na daoine taght’ amháin, ’n uair a dh’ iompaichear ’s a bheirear fui’ cheangal a chúmhnant iad; Ier. xxxii. 39. “Bheir mise dhoibh aon chridhe, agus aon slighe, chum ’s gum bi eagal aca rotham a chaoidh.” Esec. xxxvi. 26. “Bheir mi dhuibh cridhe nuadh, agus cuiridh mi spiorad nuadh ionnaibh, agus bheir mi air falbh an cridhe cloiche as bhur feoil, ’s bheir mi cridhe feola dhuibh.” Cha do ghabh cealgoirean riamh ri CRIOSD mar an t aon ni a b’ fhearr a shásuicheadh air an talamh, air son an tréigeadh iad le gáirdeachas gach ni bha iad a’ sealbhach’; oir nan d’thigeadh iad chum na h inbhe so, bhiodh rioghachd DHE air inndrin a steach ionnta, Mat. xiii. 44. “Tha rioghachd néimh coltach ri ionmhas air fholach am fearann: n ann déis fhaghail, a dh’fholuich duine, ’s a thaobh a gháirdeachais air a shon, dh’ imich sé agus reic sé na bha aig’ uile, ’s cheannaich sé ’m fearann sin.” Faodai ’n duine tha air fhior ath-nuadhach, a’radh, le deadh bharantas, agus tha fianuis air a chúis o na h árduibh, gun raibh atharracha grásmhor air a dheanamh air a chridhe ann lorg dha gabhail ri CRIOSD, ’s gun raibh é ’g a fhior mhiannucha, mar an t aon ionmhas a shásuicheas agus a dh’fhágas laibhir é, agus measaidh é gach aon ni eile ’n an calldach agus ’nan aolach air son gu ’m faighear ann-san é, Philip. iii. 8, 9. 2. Ge b’é ath-leasacha no aidmheil air a bheil cealgoirean a ruigheachd, mar nach ’eil é sruthadh o chridhe nuadh, ’s o rún fior-ghlan do theas-ghrádh do DHIA, sann a tha é do ghná air son crioch aingidh eigin, chum ’s gum faicear le daoin’ é, Mat. vi. 5. no chum teanndach eigin o’n leith a muigh a sheachna, gu bhi saor o fheirg DHE ’s o [TD 101] agartas an coguis fein, Isa. lviii. 3. “C’ ar son a rinn sinn trosg’, ars’ iadsan, ’s nach leir dhuitse? c’ar son a chlaoi’ sinn ar n anam, ’s nach ’eil thusa ’g a thoirt fainear?” Mal. iii. 14. “Creud é ’n tairbhe tha dhuinn, ge d’ a choimhead sinn órduighibh, ’s ge d’ a ghluais sinn gu dubhach ann láthair TIGHEARNA nan sluagh?” Mar dhearbhadh air a chúis so, ni bheil spéis ac’ uair sam bith do gach áithn’ air am fiosrach iad, air neo cha bhiodh náir orra a chaoidh, Salm cxix. 6. ni mó bheir iad oirp air cuir ann aghai gach peacadh air a bheil iad lán-fhiosrach, gun cheilg shonraicht’ ’n an cridhe fein, air neo bhiodh iad saor o dhíte cridhe, agus mar sin dh’fhaodadh iad air deadh stéigh dánachd a bhi ac’ ann láthair DHE, 1 Eoin ii. 21, 22. Nan aidicheadh iad CRIOSD o rún gráidh, ’s le teas-ghrádh dha, agus air son crioch cheart, bhiodh é fiachaicht’ air CRIOSD, le fhocal fein, iadsan aideach am fianuis Athar, Mat. x. 32. 3. Ge b’ é fhad ’s a tha na cealgoirean a’ dol air an aghaidh ann san obair sin leis a bheil sluagh air an treórach a dh’ ionnsui CHRIOSD, gidheadh cha ’n ’eil iad idir air tús a’g iarrui Rioghachd DHE agus fhíreantachd-san, Mat. vi. 33. Cha ’n é idir an t aon ni feumail, eadhoin, cáirdeas agus co’-chomunn ri CRIOSD, raoghain an cridhe thair gach aon ni eile, no cha bhiodh a chuid mhaith sin air a thoirt uatha a chaoidh, Luc. x. 42. 4. Ge b’é samhla cealgach gráis tha ann an cealgoirean, gidheadh tha iad uil’ air an altrum, as eug’ais obair shlainteil Spiorad CHRIOSD; agus is leoir sin chum an druideadh a mach o shochair a chomharai so, nach ’eil iad a’cuir cúl [TD 102] ris na nithibh sin, no idir glan fhalamh dhui, ach sann a tha iad ’g an sochcracha fein orra do ghná mar an slanui’-fhear, air chor ’s nach ’eil iad a stríochda do dh’fhíreantachd DHE, Rom. x. 3. Agus ’s leoir sin gu’ n cumail fada o CHRIOSD, nach aontaich a chaoidh gu seann truscan na’n cealgoirean a cháramh le lion-aodach fior mhaiseach fein, no idir fhion nuadh a chuir ’s na seana bhuidealaibh sin, Mat. ix. 16, 17. 5. Faodai sinn a’radh, mu chealgoirean agus mu dhaoin’ ann-diadhui mi-naomha, ge d’ raibh aca gach ni tha ’n an comas, gu bheil tri nithe ro-áraid a Chreidimh Chriosduidh a dh’ uireasbhuidh orra. 1. Cha’n ’eil iad a’toirt fainear am feum anabarrach a tha ac’ air IOSA CRIOSD an Slanui’-fhear, no idir a’ cuir cúl r’am fíreantachd fein, air chor ’s gu bheil iad a’gabhail gráin dhiu’ fein, a’feitheamh chum cobhair fhaotainn o DHIA. ’S iad a mhuinntir a fhuair a leithid sin do shealla dhiu’ fein, a thainig CRIOSD a dh’ iarrui ’s a thearnadh, Luc. xix. 10. 2. Cha do ghabh iad uair air bith ri IOSA CRIOSD mar an t aon ionmhas a tha amháin comasach air daoin’ a dheanamh saibhir, agus an lán-shásucha; ’s cha mhó a dh’ aontaich iad riomh gu treibh-dhireach dúrachdach le innleachd DHE ann sa cho’-cheangal, ’s mar sin cha ’n aithrigh iadsan air; cha mhó a dh’inndrin rioghachd DHE air mhodh slainteil ’n an cridhe, Mat. xiii. 44. “Tha rioghachd néimhe cosmhuil ri ionmhas air fholach am fearann; ni ann déis fhaghail, a dh’fholaich duine, ’s a thaobh a gháirdeachais air a shon, reic sé gach ni bha aige, agus cheannaich sé ’m fearann sin.” 3. Cha ’n ’eil iad uair air bith da ríreadh a’gabhail ri cuing CHRIOSD gu h [TD 103] iomlan, a’meas gu bheil a thoil gu leir co’-thromach agus maith, naomh agus spioradail, mar a chi sinn, Rom. vii. 12. ’S air an aobhar sin cha ’n ’eil suaimhneas air bith air órducha dhoibh tre CHRIOSD: Mat. xi. 29. “Gabhuibh mo chuing oirbh, agus gheibh sibh fois d’ ar n anmaibh.” Uime sin, co air bith thu, ma dh’ fhaodas tu cóir shoilleir cheart agairt air na tri nithe sin a chaidh ainmeacha, tha thu ni’s faide air th’ aothart ann obair na diadhachd, na tha na bheil do chealgoirean ’s do dhaoin’ ann-diadhui mi-naomh air thalamh, ’s cha ’n ion duit eagal a bhi ort gu bheil thu ’n áireamh na muinntir sin, air dhuit bhi freagarrach do chrioch mhór agus do rún an lagha agus an t soisgeil. Cunn. Air leam gu ’m faod mi air uairibh cóir a thagra le barantas air comhara sin an nuadh chreatuir; ach ann ám eile tha peacadh a’faghail buaidh orm, air chor ’s gu bheil mi gu ro mhór a’ cuir ann teagamh gach obair a tha ’n taobh a stigh dhiom. Freag. ’S muladach an gnothach, gu bheil daoin’ a tha ’g aidmheil ainm CHRIOSD, ’n an tráillean co mór do’n pheaca, ’s a tha móran diu’. Gidheadh mar fhreagra do ’n chunnuil, chi sinn na naoimh san sgriobtuir a’ tagra cóir air DIA ’s air a cho’-cheangal gu dligheach ceart air deadh stéigh, ’n uair tha aingi’eachd a’faotainn lámh ’n uachdar orra, Salm lxv. 3. “Tha mo sheachrain a’faotainn buaidh orm, glan thus’ ar peacaidh uainn,” Rom. vii. 23, 25. Tha Pól a’toirt buidheachas do DHIA trid CHRIOSD, ’n uair tha lagh ’n a bhuill ’g a thoirt am bruid do pheacadh. Ach a chum ’s gur feaird a thuigear, ’s a cho’-chuirear, an samhuil sin do dhearbh-fhírinn, ’s [TD 104] eigin duinn an t eadar-dhealach a tha eadar peacanna ro ann-trom uabhasach, agus mearachdan gnáthaicht’ a nochda, no peacaidh a thig air duine gun fhios da, gun é bhi roi’-smuainteach orra, no idir ’ga meóraich ’na inntin roi’-laimh. Tha é ro chruaidh air duin’ am fad ’s a bhuanaicheas é fui’ chumhachd a cheud seórta, a chaochla grás-mhor a thoirt fainear, ge d’ a raibh é da ríreadh air oibreach ann; agus tha é ro dhuilich co’-fhurtachd sam bith a tharruing uatha, gus am bi an duin’ ann an tomhas eigin air a shaoradh o chumhachd nam peacanna sin, gus am bi é mothachail orra, ’s gun teann é gu ro-dhúrachdach ri cuir ’n an aghai’ le lán-rún. Tha sinn a’ faicinn gun do ghairm Daibhi óglaoch DHE dh’eth fein air ball ann déis da pobull DE áireamh; ach sann a bha é san ám sin fui’ gheur-mhothach air a pheaca, 2 Sam. xxiv. 10. Tha Jonas a’ tagra cóir ann DIA mar a mhaighstir fui’ a cheannairc; ach tha é san ám sin a’ gabhail aithreachais air son easontais, agus ann am mór fhearg ris fein air son a pheacaidh, Jonas i. 9, 10, 12. San áite is faigse, labhrui sinn cáil-eigin mu mhearachdan gnáthaichte, no peacaidh anmhuinneachd, agus mu olc a chridhe, nithe mu bheil Pól a’ deanamh gearain. Agus ann labhairt mu na nithe sin, ni sinn feum do nithibh áraid do’n t seachdamh caibdeil chum nan Rómanach, leis a bheil Pól a’dearbhadh a chóir fein air CRIOSD, agus ma tha thusa murrach air an co’-chur riut fein, tha chúis gu maith eadar DIA agus t anam neo-bhásmhor. 1. ’N uair tha Pól a’ mothacha nach ’eil é comasach air bhi a reir lagh DHE, cha ’n ’eil é cuir coireadh air an lagh, gu bheil é co ro-theann, ’s nach ’eil daoine ’n an urrain a choimhead, mar is gná le cealgoir- [TD 105] ean a radh; ach sann tha easan a’ cuir na coireadh as a leith fein, air dha bhi feolmhor ana-miannach; agus tha é ’g radh mun lagh, gu bheil é maith, naomh, agus spioradail, Rom. vii. 12, 14. 2. ’S urrain é a’radh, gun raibh é gaoirid air a mhaith a bha ’n a rún, ’s gun do chuir sé é fein gu dhúlan, ’s gur minic a thug é oirp dhúrachdach air cuir ann aghaidh an uilc ann sna thuit sé, Rom. vii. 15, 18, 19. 3. Tha é ’g radh, gur é peaca bhi faghail buaidh air is gná obair dha, air chor ’s gu bheil sé ’ga mheas fein truagh air son a shamhuil sin “do chorp báis,” o bheil é a’gabhail mór fhadal gu bhi air a shaoradh, Rann 24. 4. Tha é ’g radh, ’m fad ’s a bhios é fui’ chumhachd agus fui’ lagh a pheacai, gu bheil ni eigin ann grúnnd a chridhe a tha cuir ann aghai a pheacai, ge d’ a tha chúis a’fairtleach air, leis ’m bu mhiann bhi air sheól eigin eile, ’s an uair a gheibh an ni sin lamh ’n uachdar air a pheaca, ’s ro shólasach an ni é, Rann. 22, 25. Agus air son nan nithe sin, “tha é ’toirt buidheachas do DHIA, nach ’eil díte sam bith ann CRIOSD,” Rom. vii. 25. agus Caib. viii. 1. Anoise ma’ta, feuch an urrain duit cóir agairt air na nithe sin. 1. Ma tha thu fágail na coireadh agad fein, ’s a’ moladh an reachd, ’n uair tha thu gaoirid air. 2. Ma dh’ fhaodas tu a’radh, gu bheil thu gu bitheant’ a’g oirpeacha cuir ann aghai a pheacai gu treibh-dhireach dúrachdach, ’s a reir ’s mar is fiosrach thu gu neo-chealgach; ’s gu bheil thu rúnach am maith a chuir ann gniomh, m’ am faigh am peaca buaidh ort. 3. Ma dh’fhaodas tu a radh, gu bheil thu co’-fhiosrach eólach mu d’fháillnibh, agus mu d’ mhearachdan, ’s gu bheil thu ’g a d’ mheas fein ro thruagh air an son, agus air son [TD 106] corp a bháis, ni is é ’n fhreamh agus an tobar o bheil an samhuil sin do nithibh a’ sruthadh. 4. Ma dh’fhaodas tu a radh, gu bheil páirtidh ann taobh a stigh dhiot a tha cathach ann aghai nam peacanna sin, leis am b’ áill bhi gluasad air an t slighe cheart, ’s a tha, mar gum b’ ann lan-toilichte ’n uair a bhios iad a’siubhal ann slighe DHE, tha chúis gu maith. Ach amháin gabh comhairl’agus na dean támh na fois gus am bi thu ann an tomhas eigin cuibhte do stéigh na cunnuil so, no air a chuid is lugha, gus am faod thu gun teagamh a’ radh, gu bheil thu mar do dhíchioll a’ dian-stri’ ann aghai nan nithe sin. Tha é ’na chuideacha ro fheumail chum cuir ann aghai cumhachd a pheacaidh, IOSA CRIOSD a dhlú-leantuinn tre chreidimh, mar tha i ’na h earran do naomhachd a tha ro ion-mhiannuicht’, agus ro fhreagarrach do thoil DE, ’s a chum a chrioch a dh’ órduich é san t soisgeul a thoirt m’an cuairt Gal. ii. 20, 21. “A bheath’ a tha mi ’nois’ a’ caitheamh san fheoil, caitheam i tre chreidimh Mhic DHE, a ghrádhaich mi, ’s a thug é fein air mo shon. Ni bheil mi cuir grás DE air cúl:” ’s mar sin bu chóir do dhaoin’ oirp theann a thoirt air creidimh bhi aca, do bhri gur gniomh i a tha ro thaitneach le DIA, Eoin vi. 29. “’S i so obair DHE, gu’n creid sibh ann san ti a chuir sé uaithe:” air chor ’s gur é sin an doigh ullamh chum beatha agus brígh a tharruing o IOSA CRIOSD an fhreamh bheannuicht’, a bheir toradh agus tairbhe ann sgach cás, mar a chi sinn Eoin xv. 4, 5. “Fanaibh ionnamsa, agus mise ionnaibhse. Mar nach urrain a’gheug toradh a thoirt uaipe fein, mur fan i san fhíneamhuin: cha mhó is urrain sibhse mar fan sibh ionnamsa. ’S mis’ an [TD 107] fhíneamhuin, sibhse na geuga: an ti a dh’ fhanas ionnamsa, agus mis’ ann-san, bheir easan mór thoradh uaithe: oir as m’ eug’ais-se cha’n urrain sibh aon ni dheanamh.” CAIB. XI. Mu cho’-pairteachaibh araid o DHIA, ’s mu oibreacha grasmhor sonruicht’ a SPIORAID. Cunn. CHA’N’EIL co’-pairt agamsa do na co’-pairteachaibh áraid sin o DHIA, agus do dh’oibreacha ’s do dhol amach a Spioraid, a tha air ainmeacha san sgriobtuir, nithe mu bheil daoin’ a tha ann an staid ghrásmhor gu minic a’g iomra, ’s air a bheil iad a’ ruigheachd: ’s a chionn gu bheil na nithe ceudna a dh’ uireasbhuidh orm-sa, tha mi cuir mo staid fein gu ro mhór ann teagamh. Freag. Ainmichi mi gu h aith-ghearra cuid eigin do na co’-pairteachaibh ro luachmhor sin, ’s tha dóchas agam, ’n uair a shoilleirichear air mhodh ceart iad, nach bi ach beag bunachair aig gearain eud-mhor ioma neach a tha ann an staid n’an grás. AIR tús, (A bharrachd air na geur-mhothachaibh sin do Spiorad DHE, leis an gná slighe CHRIOSD a thoirt a stigh do dh’ anmaibh dhaoine, agus iad sin mar an ceudna a tha gu bitheant’ ann diaigh laimh ’n an co’-chuideachd.) Tha seula do Spiorad DHE ann air ainmeacha san sgriobtuir, agus ’s é ’n t aon ni áraid a tha ann, obair naomhaich an Spioraid Naoimh, a’dealbh iomhaigh DHE [TD 108] ’s a thoil fhoillsicht’ air duine, mar dh’ fhágas séul’ a choltas no a dhealbh fein air an ni bhios air a shéuladh. ’S amhuil a chi sinn, 2 Tim. ii. 19. “Tha stéigh DHE a’seasamh gu dainnean, aig a’bheil an séula so, ’S aithne do’n TIGHEARN’ a mhuinntir sin is leis. Agus, Gach uile neach a tha ’g ainmeach ainm CHRIOSD, tréigeadh é éa-coir.” Agus mar so tha mi breithneacha gun abrar fianuis ris an t séula, 1 Eoin v. 10. “Tha aig an ti a chreideas an fhianuis ann fein;” ’s é sin, gu bheil na bunachair leis a’bheil cóir air CRIOSD r’a dhearbhadh, ann sgach creid’each; oir tha cáil-eigin do dh’obair naomhaich Spiorad DHE ann, ni tha ’na fhianuis chinnteach, gar a’bheil é gach aon ám lán-shoilleir. SAN dara h áite, Tha co’-chomunn ri DIA ann, mu bheil na daoine diadhuidh gu minic a’g iomra, leis a’bheil iad a’toirt fainear láthaireachd mhothachail DHE a’g ath-bheothach an anama gu ro mhór. Ach ma labhras sinn mar bhuineadh dhuinn, ’s é co’-chomunn ri DIA, aon chóir a bhi eadar DIA agus an duin’ a ghabh ris trid CHRIOSD. ’S é sin co’-pairt, no cóir choit-chionn a bhi eadar DIA agus duine: cha ’n é amháin gu bheil cóir aig duin’ air DIA fein, ach mar an ceudna air gach aon ni is leis an TIGHEARNA; air an amhuil cheudna, tha cóir áraid aig DIA air an duine, agus air gach ni a bhuineas da. Tha co’-chomunn eadar fear pósda agus a bhean, leis a’bheil cóir áraid ac’ air pearsadh a chéile, ’s air gach ni eil’ a bhuineas doibh: ’s amhuil a tha ’n so: tha leithid sin do cho’-chomunn againn ri DIA, ’s easan ar DIA, agus tha lan-chóir againn air gach aon ni, air son gur leinn TRIATH na beatha agus [TD 109] árd Chruthai’-fhear nan uile nithe. Tha ’n co’-chomunn so ri DIA gach aon ám aig na fior chreid’ich uile, mar a nochdas sinn ann diaigh so. Tha mi ’g aideacha gu bheil feum gnáthaichte r’a dheanamh do’n cho’-chomunn sin, leis a’bheil daoine gu neo-sgáthach a’gabhail gnothach ri DIA, agus ris gach ni a bhuineas da, mar an cuid áraid fein, le mór dhánadas agas le dlú-dhaimh, gu sonraicht’ ann ám bhi toirt aodhrai dha, ’n uair a bhios an t anam ann cainnt shólasaich ris an DIA bheo, a’ faghail co’-pairt do’n nádur dhiadhuidh, a’fás coltach ris-san, ’s a ’g imeachd gu ro shólasach trid a bhuaidhean, agus le cáil-eigin do mhuinighinn a’beachdach air na nithe sin mar a chuid áraid fein: their sinn co’-chomunn ri DIA ann an órduighibh ris an ni so. Gun amharus cha ’n ’eil so cho bitheanta na cho gnáthaicht’ air a dheanamh follaiseach do dhaoine, ’s cha ’n ionann tomhas co’-pairt a tha aig uile phobull DE dh’eth; agus gun amharus tha é fior, nach ’eil duin’ a’ lán-thuigsinn ann sgach ám air an aon doigh an ni tha ’n rún DHE d’a thaobh, gidheadh tha gu cinnteach co’-chomunn ri DIA, sin r’a radh, a chóir choit-chionn sin a tha eadar DIA agus an duine sin a tha air mhodh slainteil ann cúmhnanta ris, a’seasamh do ghná gu cinnteach dainnean; ’s tha na h urrad so do cho’-chomunn ri DIA ann órduighibh aig gach uile chreid’each, ’s gu bheil co’-luadar aig an cridhe ris an DIA bheo ann sin, an drást, agus a rithist, ’s a tha ann an tomhas air atharracha chum iomhaigh DHE; ’s cha ruigear a leas bhi ni ’s faide ann teagamh mu thimchioll. SAN treas áite, Tha ni eigin ann ris an abrar companas ri DIA, a tha mar an ceudna gu bitheant’ air a’ghabhail ann seadh mearachdach a’ [TD 110] measg na’n creideach. Ma ’s é tha air a chiallucha le companas, sinn a ghluasad ’n ar dleasnas mar am fianuis an DE uile leirsinnich, a tha ’g ar faicinn ’s ’g ar cluinntin, ’s a tha fianuiseach d’ar n uile ghiulan; ’s ni é tha coit-chionn do gach aon neach a tha’n staid n’an grás; ’s tha é ac’uile ’n an cleachda, ’s ’n an rún. Salm xvi. 8. “Chuir mi ’n TIGHEARNA do ghná rotham.” Seadh, agus ’s minic a tha iad ’ga chuir ann gniomh, ’n uair tha ’n spiorad ann an deadh shuidheach; tha iád a’siubhal mar gum biodh iad a’faicinn TRIATH na beatha ’na sheasamh r’an taobh, agus tha smuaintibh eigin aca mu dheadh-ghean trid CHRIOSD: “Gu fírinneach tha ar co’-chomunn-ne (no ar companas-ne) maille ris an Athair, agus maille r’a Mhac IOSA CRIOSD,” 1 Eoin i. 3. Ma tha sinn le co’-chomunn a’ciallucha bhi ann an co’-luadar sólasach, blasda, mothachail ri DIA, a tha ’g ath-bheothacha ’s a’toirt mór shólas do ’n anam, os-barr air na tha coguis an dleasnais a’deanamh; is é ann sin bhi ’g imeachd ann solus dealrach a ghnúis, agus ’na láthaireachd mhothachail: ’s tha é coltach gun raibh móran do’n cho’-chomunn so aig Enoch, ’n uair tha é air a radh, “Gun d’imich é maille ri DIA,” Gein. v. 24. gidheadh cha ’n ’eil é cho gnáthaichte ris a cheud cho’-chomunn a dh’ ainmicheadh, no cho coit-chionn do gach fior chreideach; oir ann so tha ’n t anam air a liona le smior agus le sáill, a’dlú-leantuinn r’a fhear stiúraidh, ’s air a chumail suas gu ro shonraichte le dheas laimh, Salm lxiii. 5, 8. “Bithidh m’ anam air a shásucha mar gum b’ann le smior agus le sáill; ’s bheir mo bheul árd mhola’ dhuit le bilibh aoibhneach. Tha m’ [TD 111] anam a’ dlú-leantuinn ort; tha do dheas lámh ’ga m’ chumail suas.” SA cheathramh áite, Tha ni ann ris an abrar saor chomas gu dol a dh’ionnsui DHE; agus tha mi ’meas gur é so gach ceap-tuislidh a th’ ann san t slighe eadar DIA agus duine a thoirt as an rathad, air chor ’s gu bheil comas aig an duine teachd am fogus dha. Theirear gu bheil comas againn dol a dh’ionnsui duine cumhachdach, ’n uair bhios na dorsan air am fosgla, ’s ann luchd-coimhead air an cuir uaithe, agus comas againn tighinn dlú’ dha; ’s amhuil a tha é san áite so. Tha ’n saor chomas so san sgriobtuir, air a’ghabhail air uairibh ann san t seadh so, gu bheil CRIOSD a’ réiteacha na slighe, ’s a’toirt air falbh an naimhdeas a bha eadar DIA agus peacaich, air chor ’s gu bheil anoise slighe réidh aig daoine chum teachd a dh’ ionnsui DHE trid CHRIOSD; Ephes. ii. 18. “Oir trid-san tha araon slighe againn gu dol a steach trid aon Spioraid chum an Athar.” ’S air uairibh eile tha é air a ghabhail an riochd feum gnáthaicht’ a chomais sin a choisinn CRIOSD, ’n uair a bheir duine fainear gu bheil gach ceap-tuislidh ’s gach eadar-dhealuch a bha eadar é fein agus DIA air an toirt as an t slighe: cha ’n ’eil DIA neo bháigheil ris, no mar choigreach ’ga chumail fein uaithe, no idir a’g amharc air le gruaim; ach tha comas aige teachd eadhoin gu “ionad-cómhnui,” Iob xxiii. 3. Bha ’n duine maith so a’ deanamh gearan gun raibh sin a dh’ easbhuidh air, Rann 8, 9. ’n uair tha é ’g radh, “Tha mi dol air m’ aghai, ’s air m’ ais, ’s a chum na láimhe deis’ agus clí, ’s ni bheil mi ’g amus air.” Tha cheud ghné chomais cumannta do na h uile chreid’ich; tha iad air an toirt [TD 112] ann gara * dha le fuil a chúmhnanta, ’s cha ’n ’eil iad ni ’s mó fada uaithe, o’n a chaidh an naimhdeas básmhor a bha eadar DIA agus iad fein a thoirt air falbh. Ach tha ’n comas ann san t seadh eile air a fhritheala ni ’s mó a reir árd-uachdranachd agus toil an TIGHEARNA, agus tha é air fhágail ann cumhachd n’an creideach a chumail uatha fein, gus an toil leis an TIGHEARN’ a bhuileacha gu trócaireach saor orra a rithist; ’s mar sin tha é fodha ’s an uachdar, air chor ’s nach ion staid duine chuir ann teagamh air a shon. SA chuigeadh áite, Tha ni ann ris an abrar saorsadh am fianuis DE; agus sé so ann an seadh ceart saorsadh, no labhairt shaor ri DIA. Tha móran a’cuir an staid fein ann teagamh, air son gu bheil so an drást agus a rithist a dh’easbhuidh orra, o’n a tha ’n sgriobtuir a’g radh, “Far a’ bheil an Spiorad, tha saorsadh ann sin,” 2 Cor. iii. 17. Ach tha iad gu neo cho’-thromach a’ceangal na saorsadh air ’n do labhra’ san áite sin, ris an labhairt shaor so am fianuis DE. Tha mi ’g aideacha far a’ bheil Spiorad an TIGHEARN’ air mhodh slainteil a’foillseacha toil DE ann san sgriobtuir do dhuine, gu bheil saorsadh ann sin o cheangal air bith do lagh nan deas-ghnáth, ’s o chumhachd díte lagh nam modhanna, agus o mhóran do’n dorchadas agus do’n ain-eolas sin, a tha mar sgáile air na cridheachan a tha ann an staid náduir, a’ cumail CHRIOSD ann san t soisgeul am folach uatha. Tha mi ’g aideacha mar an ceudna, gu bheil eadhoin an t saorsa so air uairibh, ni is é saor cho’-luadar ri DIA, ar cúis a chuir sios ann órdugh ’n a láthair, ’s ar beul a liona le arguin, Iob xxiii. 4. air aid’eacha do na daoine diadhui, ach ni h ann mar * am fogus. [TD 113] tha saorsadh air a ghabhail ’s na seadhaibh roi’-ainmichte. Ge d’ a chuir an TIGHEARNA mar fhiachaibh air fein Spiorad na h úrnuigh a thaosgadh a nuas ann tomhas eigin air tigh Dhaibhi uile, Sech. xii. 10. gidheadh tha co’-pairteacha so an Spioraid, ris an abair sinn labhairt shaor ri DIA, gu mór ann earbsa ri lán-toil an TIGHEARNA, cia ’n t ám, agus ciod an tomhas d’eth a bhuileas é orra. Tha ’n t saorsa so, ris an abair sinn labhairt shaor ri DIA, air uairibh air eadar-sgarachduinn gu mór o dhánachd laidir ann ám bhi ri úrnuigh, air a chuid is lugha, gus am bi é dlú air a chrích; sann a tha é gu mór a’ co’-sheasamh ann am beothalachd na tuigse chum an ni a tha duine r’a labhairt am fianais DE a lán-thuigsinn, air chor ’s gur aithne dha a chúis a chuir ann órdugh: agus a rithist, tha briathraibh snasmhor, freagarrach, ro dhrúiteach, no ro chumhachdach agus neartmhor ann. Tha mar an ceudna dúrachd spioraid air a chuir ris na nithe sin ann an úrnuigh, air a’bheil an sgriobtuir a’labhairt; tha ’n t anam a’g aoma’ le dian thogradh a dh’ionnsui CHRIOSD, agus tha é ro dhúrachdach ann ám bhi cuir suas ath-chuinge ri DIA. Tha ’n cridhe mar an ceudna a leaghadh air mhodh áraidh agus tha tomhas mór do Spiorad n’an grás agus na h ath-chuinge gu minic ann co’-chuideachda na saorsa so, Sech. xii. 10. Air chor ’s gu bheil an t anam air a thaosgadh a mach ann láthair DHE mar gum b’ann air son “ceud-ghein.” ’S amhuil an comas a tha móran do na naoimh a faghail ann láthair DHE, ’n tra tha iad ann am móran do bhrise cridhe, agus do dhúrachd spioraid, tha comas ac’ ann inntin uil’ a leige ri DIA gu ro shaor, mar DHIA beo uil’ fhiosrach, a tha (air a chuid is lugha) a ’toirt [TD 114] fainear an únuigh. Tha air uairibh dánachd ann co’-chuideachd na saorsa so, air chor ’s nach labhairt shaor é amhain, ach mar an ceudna labhairt dhánadh ann láthair DHE. ’S é sin an dánachd le muinghin, Ephes. iii. 12. “Ann sa bheil againn dánachd agus comas dol a steach le muinghin trid a chreidimh-sin.” Cha ’n ’eil so cho bitheant’ air a pháirteacha ri daoine ris an t saorsadh eile, gidheadh tha é gnáthaichte: tha ann san t saorsadh so a bharrachd air na thuirt sinn roimhe, cáil-eigin do * dhrúthadh an Spioraid air creidimh, ga brosnucha gu úrnuigh bheothail thogarrach a dheanamh. Tha suidheach inntin ann a tha taitneach tiomhai muladach, leis a’bheil duin’ a’ taosgadh a mach rún a chridhe ann uchd DHE, ’s a’ tagradh a chúis ’na láthair mar DHIA beo, le cáil-eigin do mhuinghin air fhábhar ’s air a dheadh-ghean; ’s cha ’n ’eil móran do na naoimh a’ruigheachd air tuille do láthaireachd mhothachail. Cha ’n ’eil teagamh air bith mu thimchioll staid duine, a thaobh saorsadh ann láthair DHE, ann san t seadh so mu dheire, do bhri nach ’eil ni air bith ann so ro-fheumail chum staid ghrásmhor a dheanamh suas: tha cuid do dhaoin’ aig a’ bheil so, ’s cuid eil’ aig nach ’eil é; tha é air uairibh aig cuid do dhaoine, ’s tha é gan dí ann ám eile, air chor ’s gu bheil é fodha ’s an uachdar, ac’ agus uatha; gidheadh faodai mi a radh, gum faod daoine tha ann an staid ghrásmhor móran a dheanamh, le cumhachd ro ghnáthaicht’, a’ deanamh cómhnadh riu chum ruigheachd air ’s a choimhead a shamhuil sin do dh’fhonn spioraid. SAN t seathadh áite, Tha ni áraid ann ris an abrar cumhachd no deachdadh an Spioraid. Tha ’n drúthadh no ’n cumhachd grásmhor so an dara * chumhachd. [TD 115] cuid gnáthaicht’, agus ’s é so oibreach an Spioraid naoimh air an anam, agus cleachda gráis ann, leis a bheil iad ann cómhnuidh air an cumail beo, ’s ann cáil-eigin do ghnáthacha ’s do dh’ oibreacha, ge nach ’eil iad so-aithneacha. Tha mi breithneacha gu bheil an drúthadh so do ghná ann co’-chuideachd n’an creid’each, ’s gur é sin a tha air a ghealltuinn, “le bhi ’gan uisgeach a dh’ oi’ch agus do lá, agus gach aon ám,” Isa. xxvii. 3. Air neo, tha ’n cumhachd so ni ’s sonruicht’ agus ni ’s áraid, agus tha é co éifeachdach do dh’ anam a tha ann staid n’an grás, ’s a bha ghaoth agus an anail do na cnámhain tiorma, ’g an cuir ann deadh órdagh, Esec. xxxvii. 9, 10. ’s mar an drúchd nan t uisge do ’n fheur, no do’n áilean air úr ghearradh, ’s do’n talamh thioram, Salm lxxii. 6. ’S é a shamhuil sin do dhrúthadh a tha air a chiallucha, Laoi’-Sholamh iv. 16. le séideadh na gaoithe deas, a thoirt air an spíosra brúchda ’mach. ’N uair tha ’n Spiorad a’ gluasad air a mhodh so, tha grása DHIA ann san anam a’g oibreacha ni ’s beothaile. ’S é so “meudachadh a chridhe,” leis a’bheil duin’ “a’ ruidh ann slighibh DHE,” Salm cxix. 32. Tha ’n drútha’ so ni’s us’ fhaireachduin n a cheud chuid, ’s ni bheil é cho bitheant’ air a pháirteacha ri daoine. Tha mar an ceudna, an soirbheas a’ séideadh air uairibh ni’s mó air aon ghrás, ’s air uairibh ni ’s soilleireadh air grás eile, agus gu minic air ioma’ grás san aon ám; agus sann a reir an tomhas do’n chumhachd so beag na mór, a tha ’n t anam a’g oibreacha ni ’s beothaile no ni’s sochcraich a thaobh DHE: ’s o’n a tha creidimh ’na grás cruthaichte san anam, tha drútha’ so an Spioraid air uairibh ni’s lugha, ’s air uairibh ni’s [TD 116] mó, agus sann a reir sin a tha dearbh-chinnte mu chreidimh beag no mór. SAN t seachdamh áite, Tha eisdeachd urnuigh ann, mu bheil an sgriobtuir gu minic a’labhairt; ’s tha móran a’ cuir cámpair orra fein mu thimchioll, a’ baralacha nach ’eil eólas sam bith aca mu thimchioll o ’m fiosracha fein. Tha mi ’g aideacha gu bheil éisdeachd fhábharrach úrnuigh ann; ach ’s eigin duinn a thoirt fainear gu bheil é da fhillte. An dara cuid, 1. ’S é a leithid ’s a tha duine gu soilleir r’a chreidsinn mar arguin air stéighibh sgriobtuir; mar ata, ma theich mi dh’ ionnsui CHRIOSD, ’s ma tha mi dlúthacha ri DIA ann-san, ma tha mi deanamh úrnuigh a reir r’a thoil, gun bhi toirt spéis do dh’aingi’eachd a’ m’ chridhe, a’ cuir creidimh ann gniomh mu thimchioll an ni tha mi ’g iarrui, gu cinnteach no air chúmhnant’, areir gné an ni bhios ann, agus geallaine mu thimchioll; ’s eigin domh a chreidsinn gu bheil DIA a’ cluinntin m’ úrnuigh, ’s gun d’thoir é dhomh an ni bhios maith air mo shon, a reir nan sgriobtuire sin, Eoin xiv. 13, 14. “Ge b’é ni a dh’iarras sibh a’m’ ainmse, ni mise é,” 1 Eoin v. 14. “’S é so ar muinghin, ge b’e ni a dh’iarras sinn, a reir r’a thoil, gun éisd é ruinn,” Marc. xi. 24. “Creidibh gum faigh sibh, agus gheibh sibh an ni a dh’ iarras sibh.” Salm lxvi. 18. “Ma bheir mi spéis do dh’ aingi’eachd a’m’ chridhe, cha ’n éisd an TIGHEARNA rium:” ’s mar d’thoir mi spéis do’n olc, faodai mi a chreidsinn gu bheil é ga m’ éisdeachd. No, 2. Tha duine gu mothachail a’toirt fainear gu bheil DIA a’g éisdeachd r’a úrnuigh; ’s tha chúis sin air a dhearbha d’a chridhe, as eug’ais geur cho’-dhunadh a tharruing gu h éigneach o riasan. [TD 117] ’S é a shamhuil sin do dh’éisdeachd úrnuigh a fhuair Hanna, 1 Sam. i. 18. “Cha raibh gnúis dubhach ni ’s mó.” Gu cinnteach dh’ oibrich an TIGHEARNA air a creidimh, agus lán chreid i gun d’ fhuair i éisdeachd: cha raibh é air chomas d’i a chúis a dhearbha le arguin air bith; oir cha raibh stéigh aic’ air an suidhicheadh i briathra na h arguin, a reir sgriobtuir, ann san ni shonruichte sin: dhealbh DIA gu mothachail air a cridhe é air dhoigh áraidh, air chor ’s gun do chreid i é. Ni bheil so gu bitheant’ air a pháirteacha ri daoine, gu h áraid ann cúisibh a dh’fhaodar a shoilleireach o’n sgriobtuir: uime sin sann le ’n creidimh a chuir ann gniomh mun cheud ni a bhios daoine gu mór air an toileacha, ’s bu chóir dhoibh a leig’ am buil DIA chum a bhuileach orra na chitheadh é iomchui do’n dara ni. Cha chóir staid ghrásmhor duin’ a chuir ann ag air son a shamhuil sin do dh’éisdeachd úrnuigh. SAN ochdamh áite, Tha dearbh-bheachd ann air deadh-ghean DE le ’r spioraid fein a’togail fianais air a chúis; ’s tha ’n dearbh-bheachd sin air a shoilleireacha le h arguin air a mhodh so: Ge b’é chreideas ann CRIOSD cha d’ theid se a mugha am feasd: ach tha mise a’ creidsinn ann CRIOSD; air an aobhar sin cha d’theid mi a mugha gu bráth. Ge b’é aig am bi grádh do dh’ aitheantaibh DHE gu leir, cha chuirear gu náir’ am feasd é: ach tha spéis agamsa da aitheantaibh uile; uime sin cha bhi náir’ orm. Tha mi ’g radh, le reusonach air a mhodh so, agus le nithe spioradail a choimeas ri nithe spioradail, gum faod duine ruigheachd air dearbh-chinnte m’a staid ghrásmhor. Tha é air a chiallucha, 1 Eoin iii. 18, 19. “leis na bráithribh a ghrádhach ann gniomh agus am [TD 118] fírinn, gum faod sinn dearbh-chinnt’ a thoirt d’ ar cridheachan ann láthair DHE;” ’s gum faod duine gáirdeachas a dheanamh le fianuis deadh choguis, 2 Cor. i. 12. faodai dánachd a bhi aig duin’ a thaobh DHE, mur dít a chridhe é, 1 Eoin iii. 21. Faodai sinn ann sin ruigheachd air cáil-eigin do chinnte m’ar staid, le fianuis ar spioraid fein, gar an ruig sinn air lán chinnte mu timchioll. Ni bheil mi ’g áicheadh nach ’eil cáil-eigin do chómhna’ Spiorad DHE, ann san fhianuis so a tha ar spioraid-ne a’deanamh a thaobh dearbh-chinnnte; ach tha mi breithneacha nach ’eil feum ach air cómhnadh ro ghnáthaichte, ni as eug’ais nach ’eil sinn comasach air ni air bith a dheanamh. Anoise, faodai creid’ich thuigseach, a tha coimhead deadh choguis ’n an caithe’-beatha, ruigheachd air an dearbh-bheachd so. Air an aobhar sin, tha dóchas agam, nach ruig connspuid sam bith a leas bhi mu thimchioll staid ghrásmhor duine; oir ma shaoras duine é fein o dhíte cridhe, ruigidh é gun dáil air an dearbh-chinnte so. SAN naothadh áite, Tha fianuis Spiorad DHE ann, air ainmeach ann an, Rom. viii. 16. “a tha ’togail fianuis le’r spiorad-ne, gur sinn clann DHE.” Tuigear oibreacha so an Spioraid ni ’s fearr, mu nochdas sinn dearbh-riasan sam bith leis a’bheil ar spiorad a’togail fianuis gur clann do DHIA sinn; mar eisiomplair, Ge b’é ghárdhaicheas na bráithre, chaidh é thairis o bhás gu beatha, ’s air an aobhar sin tha é ann CRIOSD: ach tha mise grádhacha nam bráithre; uime sin, chaidh mi thairis o bhás gu beatha. Ann so tha tri ghné oibreachadh an Spioraid, no tri oibrichean air doigh is soilleire: ’s é a cheud ghné dealradh do sholus DHE air a cheud earran do na [TD 119] briathraibh so a’dearbhadh an úghdarras naomha, mar fhocal DE. ’S eigin do Spiorad DHE fianuis a dheanamh air diadhachd an sgriobtuir, agus gur é focal neo-mhearachdach DHE é, fada thair gach arguin eil’ a dh’fhaodar a ghnáthach air a shon. ’Sé ’n dara oibreacha dealradh glóirmhor soluis o’n Spiorad, a’dealradh air an dara earran do ’n riasan, ’s mar sin air a ghrásaibh fein ann san anam, a ’nochda gur grása fior iad, a tha freagarrach do’n chúnntas a tha ’n sgriobtuir a’ toirt mu ’n timchioll. Mar so tha é air a radh, “gun aithnich sinn tre a Spiorad na nithe tha air an toirt duinn gu saor o DHIA,” 1 Cor. ii. 13. Tha ’n treas gné oibrich a reir an treas earran do riasan na h arguin, no an co’-dhuna; ’s tha mi breithneacha nach ’eil ni air bith ann so ach drúthadh air creidimh, ’g a neartucha chum lán dearbhadh a tharruing o na nithe roi’-ráite. Anoise, (le úmhlachd do dhaoin’ eile, a tha ni ’s soilleire san sgriobtuir, ’s aig a’bheil barrachd fiosraich air na co’-pairteachaibh ro-phríseil sin,) tha mi breithneacha nách é fianuis an Spioraid a tha air ainmeach ann, Rom. viii. 16. “Tha ’n Spiorad fein a’ deanamh fianuis, le’r spiorad-ne gur sinn clann DHE,” a cheud oibreach air a cheud earran do’n riasan; oir ’s é ’n t oibreacha sin fianuis sin an Spioraid, leis a’bheil é a’ deanamh fianuis air diadhachd an sgriobtuir gu h iomlan, ’s a ’dearbhadh úghdarras diadhui an sgriobtuir do dh’ anmaibh dhaoine a tha ánn staid n’an grás: agus faodaidh a shamhuil sin do dh’ oibreacha bhi air dearbh fhírinn sgriobtuir, aig nach ’eil buntuinn air bith ri uchd-mhachcachd duine no idir r’a chóir air CRIOSD. Faodai an Spiorad dealradh mar sin air fírinn sam bith, a bhuineas do [TD 120] dhleasnas, no air fírinn chud-thromaich sam bith eil’ a tha dearbhadh a dhiadhachd do’n anam, ’s gun ni air bith a labhairt mu thimchioll cóir duine air CRIOSD. Ni mó is é treas oibreach an Spioraid, leis a’bheil é toirt air creidimh an co’-dhunadh a tharruing gu dána, fianuis so ann Spioraid; oir cha ’n ’eil san oibreacha so ni air bith ach drúthadh air creidimh, ’g a toirt gu lán dearbhadh air a chúis; ach tha an ni air a’bheil an lán dearbha’ so air a tharruing no air a chuir amach, ann an cáil air a dhearbha cheana. Uime sin tha mi breithneacha gur é dara oibreach an Spioraid air an dara earran do’n riasan, an fhianuis sin do Spiorad DHE, am baoisge sin do sholus DE a’dealradh air grásaibh an duine, leis a’ bheil iad air an deanamh ro shoilleir do ’n tuigse: ’s é sin an fhianuis, ’s é ’n dealradh mar sin orra fhianais-sin; oir ’s ann amháin san earran so do’n riasan, agus ann san oibreacha so, a tha Spiorad an TIGHEARN’ a’ co’-ducha co’-fhianuis le ’r spiorad-ne; oir ’s ann san dara earran do’n riasan, a tha an ni áraid sin ann sa bheil fianuis ar spiorad-ne a’co’-sheasamh, ’s mar sin tha Spiorad DHE a’togail fianuis le ’r spiorad-ne, ann san earran sin fein do’n riasan mar an ceudna. Air do ’n da fhianuis sin an t aon ni a dhearbha, ’s é sin, fírinn agus dearbh-chinnte mun samhuil sin do ghrásuibh ann san duine, ni tha ar spiorad no ar coguis fein a’dearbhadh a reir an eólais, ’s gu cinnteach tha Spiorad DHE a’ dearbha ’s a’togail fianuis gu bheil a chúis mar sin; tha breith agus co’-dhunadh air a tharruing amach air uchd-mhacachd an duine tre chreidimh an duine, air a dheachda leis an Spiorad chum na criche, sin: agus tha ’n co’-dhuna so a’giulan lán-chinnt’ air uchd- [TD 121] mhacachd an duine. ’S ni cinnteach gu bheil cuid eigin do na fior naoimh aig nach ’eil co’-pairt dh’ eth so fad uile laithe am beatha, mar tha é soilleir o Eabh.ii. 15. “’S gun saoradh é iadsan a bha trid eagail a bháis ré am beatha uile fui’ dhaorsa.” SAN deicheamh áite, Tha mi labhairt a reir fiosiacha móran do na naoimh, ’s tha dóchas agam a reir sgriobtuir, ma their mi gu bheil co’-pairteacha do Spiorad DHIA ann, a tha air a pháirteach air uairibh ri cuid eigin d’a phobull, ann sa bheil cáil-eigin a bharrachd air, mar ’eil é ni’s fearr nan fhianuis sin a tha dearbha gur clann sinn m’an do labhra’ roimhe. ’S foillseacha glóirmhor diadhuidh air DIA do’n anam é, a’ craobh-sgaoile grádh DHE a mach ann sa chridhe. ’S ni é ’s fearr a dh’fhaodar a mhothacha na chuir ann géill. Cha ghuth labhar árd a th’ann, ach ’s é th’ ann baoisge glóire a’lionadh an anma le DIA, mar tha é ’na bheatha, ’na sholus, ’na ghrádh, agus ’na shaorsa, co’-ionann ris a ghuth labhar árd sin, “O dhuine, tha gu ro mhór air do ghrádhacha,” Dan.x. 19. a’cuir duin’ ann aiteas ro mhór leis an smuain so ’na chridhe, “’S maith a bhi san ionad so,” mar a chi sinn Mat. xvii. 4. ’S é an ni sin a chaidh amach o CHRIOSD a dh’ ionnsui Mhuire, ’n uair nach d’ rinn é ach a h ainm a luaidh, Eoin xx. 16. “Thuirt IOSA ria a Mhuire. Air tionnda dhise, a dubhairt si ris, Rabboni, ’s é sin r’a radh, A Mhaighstir.” Bha easan a’cainnt ria roi’ sin, ’s cha do thuig i gu’m b’easan a bh’ann; ach ’n uair a labhair é ’n t aon fhacal so, A Mhuire, bha foillseacha diadhuidh iongantach eigin air iomchar a steach d’a cridhe, leis an raibh i cho lán shásuichte, ’s nach do chuir i ’n teagamh ’m b’é na nach b’é sin [TD 122] CRIOSD, no an raibh cóir sam bith aic’ air. Rinn am foillseacha sin creidimh dha fein, agus choisinn é creideas agus meas dha fein, ’s bha é co’-ionann ri “Mar so tha ’n TIGHEARN’ a’g radh.” Tha so ’na bhaoisge glóire cho mór, ’s gum faodar ann san t seadh is áirde “geall-daighnich,” no ceud thoradh, “na h oighreachd” a radh ris, Eph. i. 14. oir is é lán na laimh do’n DIA naomh é, a’deanamh an duine (gu inbh bhig) gu h iomlan a reir cosmhalachd DHE, ’ga shlugadh suas le gairdeachas ro mhór, ’s le h anbharr iongantais, air chor ’s gu bheil é leig air di-chuimhn’ gach aon ni eile ach am foillseacha glóirmhor a tha láthair. O! cia glóirmhor a tha foillseacha so an Spioraid? Tha creidimh ann so a’g éiridh suas gu lán chinnte cho mór, ’s gu bheil i ’g oirpeacha le h uile dhichioll dlú-ghabhail ri DIA air doigh mhothachail. ’S é so an ni is fearr an aithrigh air an “láthaireachd mhothachail” a radh ris, ’s do bhri coltais cha ’n ’eil é air a pháirteacha ris na h uile chreidich; oir tha cuid eigin air an cumail fa dhaorsa, ’s fa eagal fad uile laithe am beatha, Eabh. ii. 15. Ach ann so “tha grádh,” a tha dlú air bhi “foirfe a’tilgeadh a mach eagail,” 1 Eoin iv. 18. Tha so air a pháirteach a reir toil agus rún suidhicht’ an DIA shiorruith, ’s cho neo-mhaireannach ’n uair a thig é, ’s nach cóir do dhuine sam bith a staid ghrásmhor a chuir ann teagamh air son é bhi dh’ uireasbhuidh air. SAN aon-áite-dheug, Tha ni ann ris an abair sinn sith, mu bheil móran daoin’ a’ cuir anbharra dragh orra fein. Tha ’n t síth so an dara cuid mu thimchioll staid duine, gu bheil é réi’ ri DIA tre IOSA CRIOSD; air neo mu thimchioll a staid san ám a tha láthair, gu bheil é gluasad air [TD 123] dhoigh a tha taitneach le DIA, air a chuid is lugha, co fad ’s nach ’eil aimh-réite no connspuid air bith eadar DIA agus é fein a’bagra’ dioghaltas eigin a dheanamh air. Tha iad sin araon an dara cuid air an doigh sin ann d’fheuchainn sgriobtuir, ’s do bhri coltais ann cunndas DHE; no ann an d’ fheuchainn coguis duin’ é fein. Tha síth mu thimchioll staid duine ro chinnteach ann d’fheuchainn sgriobtuir agus néimhe, ’n uair tha duine tre chreidimh a’gabhail ri CRIOSD, agus ris an nuadh cho’-cheangal, Rom. v. 1. “Air dhuinne bhi air ar fírinneacha tre chreidimh, tha síth againn ri DIA.” Air dha bhi cinnteach dainnean ann d’fheuchainn coguis duine, air dh’i bhi lán fhiosrach ann sa chúis: oir ann san staid sin tha i do ghná a’ labhairt a reir sgriobtuir. Ach do bhri gu bheil a choguis gu minic ain-eolach neo-fhiosrach sa chúis; uime sin tha síth gu bitheanta mu thimchioll staid duine a reir focail DE, ’n uair a tha choguis a’bagradh atharracha sin, ’g a shior-dhíte’, ’s a’cuir ann géill da nach ’eil síth aige ri DIA trid CHRIOSD. ’S eigin do’n choguis a bhi lán-fhiosrach ann sa chúis so, agus staid ghrásmhor duine bhi air a dhearbha leis na comharan gráis, mar a nochd sinn roimhe: ’s ma bhios a chúis mar so, ni fianuis mo spioraid fein mór chiosnach air agartas neo-stéigheil na coguis; ’s ma chuireas Spiorad DHE fhianuis ’s a theisteas fein ris, tha choguis ann sin lán-toilicht’ a’gealltuinn síth do’n duine. Faodai ’n t síth eile, mu thimchioll staid duine san ám a tha láthair, sé sin, gu bheil é taitneach e DIA ann seadh an t soisgeil, a bhi dh’easbhuidh air, ge d’a raibh an t síth mu thimchioll staid duine ro chinnteach, ’s a staid ghrásmhor as an teagamh. [TD 124] Tha ’n t síth so mu thimchioll staid duine, an dara cuid air a mhodh so ann d’fheuchainn sgriobtuir, no ann d’fheuchainn coguis duine, agus ’s é so ’n uair nach ’eil spéis aig duine do dh’ aingi’eachd, ’s a tha é toirt grádh do dh’ uil’ aitheantaibh DHE; ann sin tha’n sgriobtuir a’g radh, gu bheil é ’na sheasamh air ionad comhnard, ’s nach ruig é a leas eagal na sgáth bhi air roi’ fhearg DHE, chum peanas aimseireil a leagadh air: ’s an uair tha chúis mar so, bu chóir ga choguis aontacha leis ’s a stiúradh air an t slighe sin fein, agus dheanadh i so nam biodh i lán-fhiosrach air a chúis; ach do bhri gu bheil a choguis gu tric neo-fhiosrach ain-eolach uime, faodai duine bhi fa gheilt le olc ann d’fheuchainn na coguis, mar gum biodh é gu dligheach ann dúil ri peanas eigin a bhith air a leagadh air le DIA air son a pheacai, ’s as leith gámhlas eigin a th’aig DIA dha, ge d’ is slainte bha’n rún DHE a bhuileach air. ’S leoir so chum duine chumail neo-fhoisneach, ’s an gáirdeachas a tha air a cheadacha dha a chumail uaithe, ’n uair tha é ’g imeachd ’n a ionracas: air an aobhar sin ’s eigin do dhuin’ a choguis a dheanamh lán-fhiosrach ann an so mar an ceudna, ’s gun díte no casaid air bith a ghabhail uaipe, mar dearbh i a chúis gu soilleir le sgriobtuir. Seasadh gach aon duine aig caithir a bhreitheanais sin, mu thimchioll a staid fein; agus togadh é a chúis o gach ionad d’fheuchainn eile chum an ionaid sin, ’s na gabhadh é casaid air bith, ach a reir ri fírinn DHE, leis a’bheil a choguis ri bhi air a stiúradh ann sgach aon ni. ’S nan rachadh an aire mhaith a thoirt do’n chúis so, cha bhiodh a choi’-lion amharus neo-stéigheil mu thimchioll ann staid a measg luchd muinntir DHIA, air son gach aon smuain a dh’inndrinneas ’n an cridhe. [TD 125] SAN dara-h áite-deug, Tha aoibhneas an SPIORAID NAOIMH ann; agus ’s é so ’n uair tha ’n Spiorad a’deachdadh air ar n aoibhneas ann DIA, (ni tha ’na ghrás a tha ro bheag ann cleachda le móran,) ’s a tha toirt air fás gu mothachail beothail; ’s tha é brosnucha ceudfath an aoibhneis agus an t subhachais ann san anam, air chor ’s gu bheil aoibhneas glóirmhor do-labhairt ann san anam, ann ám dha bhi smaointeach air a cháirdeas ’s air a dhlú-dhaimh ris an DIA bheo, 1 Pead. i. 8. “Air dhuibh bhi creidsinn ann, ge nach ’eil sibh a noise ’g a fhaicinn, tha sibh a’ deanamh mór gháirdeachas le h aoibhneas do-labhairt, agus lán do ghlóir.” Tha ’n t aoibhneas so a’ leantuinn síth, agus tha síth a’leantuinn fíreantachd, Rom. xiv. 17. “Is fíreantachd, agus síth, agus aoibhneas san Spiorad Naomh, rioghachd DHE.” Cha bhitheanta leis an aoibhneas so gun bhi a reir tomhas dearbh-chinnte mu chreidimh, mar tha é soilleir o 1 Phead. i. 8. “Air dhuibh bhi creidsinn ann, tha sibh a’deanamh mór gháirdeachas;” air chor ’s gu ’n cuir mearachdan a thoirt air falbh mu nithe eile, an t amharus ann lughad mu thimchioll an ni so. Do bhri’ gu bheil cuid eigin do cho’-pairteachaibh luachmhor sin an Spioraid air an cuir ann teagamh, ’s air an gabhail ann riochd cealgoireachd Shatain, ann déis dhoibh dol seachd; mar dhearbhadh orra, tha sinn a’g radh, gur gná le oibreachaibh áraid Spiorad DHE ann an tomhas árd, a bhi air am páirteacha ri daoin’ ann diaigh an samhuil sin do bhrise cridhe, ’s da mhór thriobluid, Salm li. 8. “Thoir orm gu ’n cluinn mi aoibhneas agus subhachas, chum ’s gun dean na [TD 126] cnaimhean a bhrise leat mór gháirdeachas.” ’N diaigh na h urrad shaoithreach ann dleasnas diadhuidh, Dan. ix. 3. “Agus chuir mi m’ aghai ris an TIGHEARNA DIA, chum iarrui le úrnuigh ’s le ath-chuinge, le trosg’, le saic-aodach, agus le luaithre’. ’S am feadh ’s a bha mi labhairt ann úrnuigh, ’s a’g aideacha mo pheacai,—do bhean an duine Gabriel rium, neach a clunnaic mi san taisbein an toiseach, air dha bhi air órducha chum teachd a’m’ ionnsuidh le dian chabhaig.” No ann ám bhi fulang a leithid so as leith na fíreantachd, 1 Pead. iv. 13, 14. “Biodh gáirdeachas oirbh, do mheud gu bheil sibh ’nar luchd co’-pairt do dh’fhulangais CHRIOSD; chum fós sann ám am soillsichear a ghlóir, gu’m bi subhachas oirbh le h aoibhneas ro mhór. Ma maslaichear sibh air son ainm CHRIOSD, is sona’ sibh; oir tha Spiorad na glóir, agus DHE a’gabhail cómhnuidh oirbh.” No ma bhrúchdas triobluidean a steach mar an t uisge nach feith ri duine, ann sin tha iad a’g irisleach an duine co mór, ’s gu ’n glaodh é leis an Fháidh, Isa. vi. 5. “Mo thruaighe mi oir tha mi caillte, do bhri’ gur duine mi aig a’ bheil bilibh neo-ghlan;—oir chunnaic mo shúil an Righ, TIGHEARNA nan sluagh.” Agus tha choi’-lion dearbhadh air fhaotainn mu ghrás ann san duine, Rom. viii. 16. “Tha ’n Spiorad fein a’deanamh fianuis le ’r spiorad-ne, gur sinn clann DHE.” Air neo tha na nithe sin a’brosnucha cho mór chum naomhachd; ’s a chum gach ni bhi freagarrach do na foilisichibh sin air DIA, 2 Tim. ii. 19. “Gach uile neach a tha ’g ainmeach ainm CHRIOSD, tréigeadh é éa-coir.” Tha ’n neach [TD 127] aig a’bheil iad a’toirt mór fhuath do gach aon ni ach co’-chomunn agus cáirdeas DHE, Mat. xvii. 4. “Thuirt Peadar ri IOSA, a THIGHEARNA, ’s maith dhuinn a bhi ’n so.” Agus tha na foillsichean glóirmhor sin a’ giulan na h urrad do dh’ úghdarras diadhui ’n an co’-chuideachd, am fad ’s a tha iad san anam, air chor ’s gu ’m mothaichear gu lán-shoilleir ann diaigh laimhe, gur co’ pairteach áraid o DHIA iad, agus oibreacha grásmhor sonruicht’ a Spioraid, ’s nach iad sin idir mealltoireachd Shatain, ’ga chuir fein ann cruth aingeil soillse, 2 Cor. xi. 14. No idir ion-samhuil nam baoisge coit-chionn sin do’n Spiorad, a dh’fhaodas ann diaigh sin, tuiteam gu tur air falbh gun tearnadh o DHIA, Eabh. vi. 4, 5, 6. “Oir ’s ea-comasach an droing sin a chaidh aon uair a shoillseacha, ’s a bhlais an tiodhlac neamhui, ’s a rinneadh ’n an luchd co’-pairt do’n Spiorad Naomh, ’s a bhlais deadh fhocal DE, agus cumhachdan an t saoghail a tha chum teachd; ath-nuadhach a rithist chum aithreachas, ma thuiteas iad air falbh.” Anoise ma ’ta, chum an earran so do’n obair a bhuineas do dh’fheuchainn a cho’-dhuna’; tha mi ’g radh ris gach neach a tha gearan gu bheil dol amach ro phríseil an Spioraid ’g an di, 1. Thugaibh mór chliu do DHIA mar ’eil ni sam bith a tha ro fheumail chum cóir shlainteil ann CRIOSD a dheanamh ’mach a dh’ easbhuidh oirbh. Thug DIA dhuibh IOSA CRIOSD, an tiodhlac’ bu mhó bha aige; ’s o’n a tha bhur cridhe air a dhealbh fa chomhair, bheir é, leis-san duibh ’n an ám fein, gach aon ni tha chum bhur maith. 2. Tha fiuthair agam, le mion-rannsucha ’s le d’ fheuchainn [TD 128] cheart, ann diaigh dhuibh co’-pairteachaibh an Spioraid a lán thuigsinn, nach ’eil sibh cho ain-eolach mu ioma ni ’s a shaoil sibh. Ach, 3. Cuimhnichibh nach ’eil geallaine beatha, agus síth ri DIA, ann earran sam bith do’n sgriobtuir air an toirt do na nithe áraid sin a tha sibh a’baralach a bhi ’g ar di; tha na geallaine air an toirt do chreidimh, le naomhachd a bhi ’na lorg; agus faodar a bharalacha, nach ’eil co’-pairt aig ioma neach a tha nan oighreachan air glóir shiorruith do chuid eigin do na nithe sin ann sa bheatha so, ach a tha trid eagail a bháis ré am beatha uile fui’ dhaorsa, Eabh. ii. 15. Mar sin cha bu chóir do mhearachd sam bith a bhi mn na nithe sin; faodai sinn an iarruidh, ach tha DIA gu saorsadh a thoile fein, an toirt duinn no an cumail uainn. 4. Tha móran a’g iarruidh an samhuil sin do dh’fhoillsichibh mun d’thoir iad tre chreidimh creideas do dh’ fhocal DE. Thug é fianuis gu bheil beatha ni’s leoir ann IOSA CRIOSD do dhaoine, ’s n’an cuireadh daoine tre chreidimh an seula ris gu bheil DIA fior, bhiodh aca co’-pairt do thuille do na nithe ro luachmhor sin. 5. Faodai mi a radh, nach ’eil smuainteadh urramach aig ioma neach mu Spiorad DHE, neach d’ an obair shonraicht’ na h oibreacha luachmhor roi’-ainmichte sin a chuir a mach. Ni bheil iad a’toirt aodhra dha mar DHIA, ach sann a tha iad a’ cuir corruich agus cámpar air, ’s a’cuir ’na aghai; ’s tha ioma neach a tha deanamh gearan gu bheil na nithe sin a dh’ easbhuidh orra, nach cuir do dhragh no do shaothair orra fein an Spiorad iarrui ’na dhol amach, agus ’s tearc a mhuinntir sin a tha ’g an cuir fein air leith fa chomhair gabhail r’an samhuil [TD 129] sin do nithe príseil ’n uair a thig iad. Air an aobhar sin bithibh ni ’s ro shaoithreachail ann obair na diadhachd na bha sibh san ám a chaidh seachad, thugaibh tuille creideas do dh’fhocal DE, agus biodh tuille meas agaibh air a Spiorad, ’s leis a sin faodai sibh tuille do na nithe ro luachmhor sin fhaotainn. Gu mosgla’ DIA sinn chum sin a dheanamh, m’am folaichear o’r suilibh na nithe a bhuineas d’ ar slainte shiorruith! [TD 130] EARRAN II. An doigh chum ruigheachd air coir shlainteil ann CRIOSD. AIR dhuinn, san earran is toisiche do’n leabhar so, staid gach duin’ a chuir gu d’ fheuchainn bheir sinn san earran so a leanas, seóla dhoibh-san do nach comas, na aig nach ’eil a chridhe cóir a thagradh air na comharan roi’ ainmichte. CEIST. Ciod a ni an aitim sin aig nach ’eil na comharan roi’-ainmicht’ air fior choir shlainteil air CRIOSD, ’s do nach comas, na aig nach ’eil a chridhe coir a thagradh orra? FREAG. Ma mhothaicheas daoine gu bheil na comharan roi’-ainmicht’ air fior chóir shlainteil air CRIOSD a dh’ uireasbhuidh orra, ’s é ’n dleasnas fein, agus dleasnas gach aon neach a chluinneas an soisgeul so, gabhail gu toileach treibh-dhireach le ’n uile chridhe ri innleachd DHE chum peacaich a shabhala trid IOSA CRIOSD, agus ni so an staid tearuint’ agus cinnteach. [TD 131] CAIB. I. Nithe araid air an cuir sios chum eolas agus fiosrachadh a thoirt do’n mhuinntir sin a tha ain-eolach. CHUM ’s gur feaird a thuigear a chúis, cuiridh sinn sios nithe áraid chum fiosrachadh a thoirt do ’n mhuinntir sin a tha ain-eolach, ’s ann sin labhrui sinn gu direach ris an ni a chuir sinn rothainn. 1. Rinn an TIGHEARNA DIA an toiseach a’ pailteas a mhór mhaitheas, co’-cheangal ris a chinne-daoin’ ann Adhamh, Gin. ii. 16, 17. agus neartuich é an duine gu buanach ann sa cho’- cheangal sin, Eccles. vii. 29. “Chruthaich DIA an duine ann staid ionraic:” ach leis mar dh’ ith an duine do’n mheas thoirmisg, Gin. iii. 6. bhris é ’n co’-cheangal sin, Hos. vi. 7. “Bhris iadsan cosmhuil ri Adhamh an co’-cheangal;” agus dh’fhág iad gun bhladh a chaoidh é, Rom. iii. 20. “Cha bhi feoil sam bith air a fíreanacha ’n a fhianais-sin, tre oibribh an lagha:” agus leis a sin thug é gach uile thruaighe air fein, Rom. v. 12. “Mar thainig peacadh a steach do’n t saoghal tre aon duine, agus bás tre ’n pheaca; ’s mar sin thainig bás air na h uile dhaoine, do bhri’ gun do pheacaich iad uile.” 2. Bha é o shiorrui’eachd ann rún an TIGHEARNA, daoin’ a shábhala gu ro shaor air doigh eile, ’s é sin r’a radh, trid IOSA CRIOSD, agus co’-cheangal n’ an grás, ann san raibh mhiann air [TD 132] réit’ a dheanamh ris na daoine taghta trid IOSA CRIOSD, DIA agus duine, air a bhreith le mnaoi ann ám iomchui, chum an réite so eadar DIA agus daoin’ a dheanamh éifeachdach. Agus dh’innis é ’n t innleachd so, a thoirt diola d’a cheartas fein, ’s a shábhala nan daoine taghta trid Slanui’-fhear nam buadh, ann tús d’ar ceud sinnsir ann am phárras, Gin. iii. 15. far an dubhairt é, “Gum bruthadh sliochd na mnatha ceann na nathrach.” Agus rinn an TIGHEARNA so aithnichte d’a eaglais ann sgach linn. 3. Dh’ aontaich an TIGHEARN’ ann sgach linn a bhi ’na DHIA réi’ riu-san uil’, a dh’ aid’iche, le’n úmhlachd d’a órduighibh, gu bheil iad lán-toilichte leis an innleachd so, ’s a chuireadh mar fhiachaibh orra fein co’-aontacha leis an ni sin fein, agus slaint’ iarrui tre IOSA CRIOSD, mar tha DIA ’g a thairgse san t soisgeul; mar so theirear pobull an TIGHEARNA ri sluagh Israeil uile, ’s tha é air a rádh, “gun do ghabh iadsan ris mar an DIA,” ’s tha easan “a’g aideacha gu ’n gabh é riu mar a phobull,” Exod. xix. 5, 8. Deut. xxvi. 17, 18. Seadh fós, tha ’n TIGHEARN’ a’cuir mar fhiachaibh air fein, gu’m bi é ’na DHIA do shliochd agus do gheineil na h aitim sin a dh’úmhlaicheas iad fein mar sin d’a órduighibh. Tha é air aithris, gun raibh “’n cúmhnant air a dheanamh eadar DIA agus am pobull uile, sean agus óg, ris na bha san láthair, agus as an láthair air an latha sin, Deut. xxix. 10.—15. Agus tha é air órducha do gach uile neach teachd fui’ * sheul eigin do’n chúmhnanta sin, mar dh’ áithne do dh’Abraham, Gin. xvii. 10. Cha ’n é amháin gun raibh é mar sin fui’n t Sean-Tiomnadh, ach tha é mar sin san * cheangal [TD 133] Tiomna-Nuadh mar an ceudna: tha TIGHEARNA nan sluagh ’g a thairgse fein chum bhi ’na DHIA dhuinn ann IOSA CRIOSD; ’s ma tha ’n sluagh a’g aidmheil gu bheil iad lán toilichte leis an tairgse sin, ’s mar fhianais air a chúis a’ toirt lán-ghéill do na h órduighibh, tha iad air a’ meas ’n an sluagh fui’ chúmhnant, ’s air an ceangal ’n am míltibh r’a eaglais, a’faghail seul a cho’-cheangail, gun d’fheuchainn shonraicht’ air bith tuille roi’-láimh, Gniomh. ii. 38,—41. “Ann sin thuirt Peadar riu, Gabhuibh aithreachas, agus bithibh air bhur baiste gach aon agaibh ann ainm IOSA CRIOSD, chum maitheanas peacaidh.—Ann sin bhaisteadh iads’ a ghabh am focal gu toileach: agus air an lá sin fein chuireadh riu mu thimchioll tri míle anam.” 4. Tha móran a’buntainn gu ro chealgach ri DIA ann sa chúmhnanta so, Salm lxxviii. 36, 37. “Gidheadh, rinn iad miodal ris le ’m beul, agus rinn iad bréugan dha le ’n teangaibh; oir ni ’n raibh ’n cridhe gu ceart leis, ni mó bha iad seasmhach ’na chúmhnant.” ’S ge d’ a tha iad a’g aidmheil ga bheil mór mheas ac’ air CRIOSD an Slanui’-fhear, ’s gu bheil iad lán toilichte leis ann innleachd sin chum peacaich a shábhala trid-sin, ’s gu bheil iomhaigh DHE air aiseag ionnta leis an t Slánui’-fhear; gidheadh cha ’n ’eil an cridhe ceart a thaobh DHE, ’s tha iad g an toileacha fein leis an ainm amháin, gu bheil iad ann cúmhnanta * naisgte ri DIA, Eoin viii. 39. Tha iadsan a’g radh, “’S é Abraham ar n athair-ne.” Oir ge d’ a tha ’n TIGHEARN’ a’ cuir mar fhiachaibh air gach neach, a tha ’g aideacha gu bheil é toilichte le IOSA CRIOSD an luach leis an deachaidh ar ceannach, a bhi gu treibh-dhireach * seulaichte [TD 134] dúrachdach ann sa chúmhnanta; agus sann dhoibh-sin amháin a bhios mar sin, a cho’-lionas é geallaine spioradail a chúmhnanta; ’s iadsan amháin a tha ’gabhail da ríreadh ri CRIOSD, aig a’bheil cóir air bhi ’n an cloinn do DHIA, Eoin i. 12. gidheadh tha ’n TIGHEARN’ a’ ceadacha do mhóran aideacha gun do ghabh iad ris-san ann CRIOSD, araon san t Sean-Tiomna, agus ann san Tiomna-Nuadh, ’n uair nach ’eil an cridhe a’g aontacha leis; agus tha é toirt comas doibh bhi ’n am buill d’a eaglais, a’luathsacha dhoibh gnáthacha nan órduighibh, agus ioma trócair agus sochair eile o’n leith a muigh, a tha air an dúilta do na h ana-creid’ich nach ’eil ann an co’-cheangal ris. 5. Ge d’ a tha chuid is pailte do ’n t sluagh gu h amaideach am barail, gun do ghabh iad gu treibh-dhireach dúrachdach ris an DIA bheo ann IOSA CRIOSD, no air a chuid is lugha, tha iad a’gealltuinn cridhe nuadh dhoibh fein m’ am fág iad a bheatha so, gun stéigh gun bharantas air bith ac’ air a chúis; gidheadh, cha ’n ’eil iad ach ro thearc, a tha da ríreadh le’n uile chridhe a’ gabhail ri DIA ann CRIOSD mar tha é air a thairgse san t soisgeul; air chor ’s nach ’eil ach ro bheag air an sábhala, mar tha é soilleir o, Mhat. vii. 14. “’S cumhann an dorus, agus ’s aith-lean an t slighe a tha treórucha chum na beatha, ’s is tearc iadsan a tha ’g amas uirre,” Mat. xx. 16. “Tha móran air an gairm, ach beag air an taghadh.” N’an creideadh daoine so, dh’ fhaodadh é bhi ’na chuideacha chum caismeachd a thoirt doibh, chum an dúsgadh a marbh chadal an ain-eolais agus an neo-chúram, gu bhi ro dhúrachdach ann gnothach cud-thromach an slainte. [TD 135] 6. Ge nach ’eil neach air bith a’gabhail gu ro dhúrachdach ri DIA ann IOSA CRIOSD, agus lán-toilichte leis a luach ro mhór a fhuair DIA, ach iadsan amháin a tha air an taghadh, Rom. xi. 7. “Ach rainig iadsan a bha air an taghadh air, ’s chaidh a chuid eil’ a dhalladh,” agus a mhuinntir sin a tha ’n TIGHEARNA DIA gu h árd-uachdranach a’ rúnach an cridhe chum an raoghain bheannuichte sin a thogail, Eoin iv. 44. “Cha ’n urrain neach air bith teachd a’ m’ ionnsui’-se, mur tarruing an t Athair a chuir uaithe mise é;” gidheadh dh’ fhág an TIGHEARN’ é mar dhleasnas fiachaicht’ air gach neach a chluinneas an soisgeul so, iad a ghabhail ri tairgse na slainte trid IOSA CRIOSD, mar gu ’m biodh é ’n an comas fein a dheanamh: agus tha ’n TIGHEARNA DIA trid nan iartas agus nan earailean sin, (leis a’ bheil é a’co’-éigneacha dhaoine chum gabhail r’a thairgse,) a’g aiseag beatha agus neart do na daoine taghta, ’s a’ toirt dhoibh a chridhe nuadh, a tha co’-aontacha gu báigheil leis an nuadh innleachd so chum peacaich a shábhala, agus le CRIOSD ’na dháimh chúmhnanta; air neo, ’s é rún an TIGHEARNA ann sna h iartais agus ann sna cuireachan sin, daoin’ a chuir gu dleasnas eigin, leis an gná leis córdadh, chum an obair sin eadar é fein agus iadsan a chriochnacha: mar sin ma’ta, ’s é “tighinn” air ar taobh-ne é, ’s gidheadh ’s tarruing” air a thaobhs’ é Eoin vi. 44. “’s tarruing” air a thaobhs’ é, agus “’s ruith” air ar taobh-ne é, Laoi’ Shol. i. 4. ’s é “dlúthacha” ris air ar taobh-ne é, ’s gidheadh ’s é “roighneach agus toirt oirn dlúthacha” ris air a thaobhs’ é, Salm lxv. 4. ’s é “creidsinn,” no “gabhail ris” [TD 136] air ar taobh-ne é, Eoin i.12. ’s gidheadh “thugadh dhuinn é chum creidsinn,” Philip. i. 29. CAIB. II. A nochda ciod é gabhail ri innleachd DHE chum peacaich a shabhala trid IOSA CRIOSD, agus gur dleasnas ro fheumail é. AIR dhomh na nithe sin a chuir sios, Tha mi ’g rádh, ma mhothaicheas daoine gu bheil na comharan air cóir shlainteil ann CRIOSD, man do labhradh san earran is toisiche do leabhar so, gan di: m’as áill leo an staid a bhi tearuinte, ’s eigin doibh leis gach uile dhichioll gabhail gu pearsonta treibh-dhireach dúrachdach ri innleachd DHE chum peacaich a shábhala trid CHRIOSD, a tha air a nochda san t soisgeul. Ann an labhairt ni’s faide mu na nithe sin, nochdai sin, I. Ciod é gabhail ris an innleachd ro luach-mhor sin. II. Gur é sin dleasnas feumail gach neach leis am bu mhaith a bhi réi’ ri DIA, ’s an anma fein a thearnadh. III. Ciod a tha air iarrui roimh laimh air a mhuinntir a tha co’-lionadh an dleasnais so. IV. Creud iad buaidhean an dleasnais so, mu cho’-lionar gu ceart é. V. Creud iad na nithe a tha gu nádurr’ a’ leantuinn, ma bhios an dleasnas air a cho’-lionadh air mhodh co’-thromach. I. ’S é a cheud ni a chuir sinn rothainn a nochda, Ciod é gabhail ri innleachd DHE chum peacaich a shábhala trid IOSA CRIOSD an Slanui’-fhear, a tha air a nochda san t soisgeul: ’s eigin duinn a chuimhneach ann so, mar a nochd sinn roimhe, [TD 137] gun do neartuich DIA an duine ann tús chum buanacha ’na dheadh-ghean, le cheud ionracas ann san do chruthaicheadh é a chumail gu dainnean; ach leis mar pheacaich an duine chaill é fábhar agus gean-maith DHE, rinn é cúmhnanta n’an gniomh gun bhladh, agus dh’fhág sé é fein ea-comasach air cáirdeas an TIGHEARNA DIA a chaill é leis a pheaca fhaotainn a rithist, ’s air é fein a shaoradh o’n mhalluch agus o’n fheirg a dhlighear dha air a shon, no doigh sam bith leis an raibh é comasach air é fein a shábhaladh: Ach dh’fhoillsich an TIGHEARNA gu ro shaor fhiúghantach doigh eile air staid chaillt’ an duine ath-leasacha, ’s é sin r’a radh, le Mhac IOSA CRIOSD, a chuir a dh’ionnsuidh an t saoghail, chum lán-diol a thoirt d’a cheartas air son peacai nan daoine taghta’, chum iomhaigh fein aiseag ionnta a tha ’nois’ air fás duaichni, ’s an toirt chum rioghachd na glóire ann déis doibh an saoghals’ fhágail; agus thug é gairm fhollaiseach san eaglais, co air bith a chuireas o’r cúl gu buileach gach aon smuain air iad fein a shábhala tre chúmhnanta nan oibribh, no le ’m fíreantachd fein, ’s a dh’ aontaicheas gu ro dhúrachdach bhi air an sábhala trid IOSA CRIOSD an t Eeadar-mheadhon-’air, gum bi iad air an aiseag gu staid is fearr na ann san raibh ’n duine ann toiseach, agus bithidh iad air an sábhala. Air chor ’s gur é an aon doigh air gabhail ri innleachd DHE a shábhala pheacach trid IOSA CRIOSD, sinn a chuir cúl ris gach smuain air bhi air ar sábhala trid ar fíreantachd fein, agus aontacha leis an doigh so a fhuair DIA amach; ’s é sin mór mheas a bhi againn air IOSA CRIOSD, mar an t ionmhas a tha leoir-fhoghainteach chum duin’ aim-beairt- [TD 138] each bochd fhágail gu sona saibhir, agus lán chreideas a thoirt do’n fhianais so, gu bheil beatha ni’s leoir ann do dhaoine; ’s é sin, sinn a bhi lán-toilichte leis ann innleachd so, agus aontacha leis, mar an aon slighe a tha treórucha gu fior shonas; ’s é sin, sinn a bhi beachdach air an Eadar-mheadhon-’air, mar tha DIA ’g a nochda san t soisgeul, a’ miannacha cud-throm ar staid gu h iomlan a leigeadh air. ’S é so an ni ris an abrar creidimh no “creidsinn, gabhail ri CRIOSD,” no “creidsinn ’na ainm,” Eoin i. 12. ’S é so an “creidsinn sin ann san TIGHEARN’ IOSA CRIOSD,” a dh’órduiche do dh’ fhear coimhead a phriosuin chum a shábhala, Gniomh. xvi. 31. Tha so a’ co’-fhreagra do gach cúnndas a th’ againn san sgriobtuir mu chreidimh a dh’ fhíreanaicheas. Tha so a’ co’-fhreagra do ’n t sámhladh, a bhi ’g amharc air an naithir phrais a bha air a thogail suas san fhàsach, Eoin iii. 14, 15. Agus tha so air a chialluch ann sgach oibreacha gnáthaichte do chreidimh, ris a’ bheil geallaine air an ceangal san sgriobtuir; agus gheibhear na nithe sin ann sgach neach a fhuair an cridhe nuadh o DHIA, ’s ni ’m faighear iad ann an neach air bith eile. II. ’S é ’n dara ni a chuir sinn rothainn a nochda. Gur é so dleasnas feumail gach neach leis ’m bu mhiann bhi réi’ ri DIA, ’s an anmaibh fein a shábhala; mar tha é soilleir o na nithe so a leanas: 1. Tha gabhail ri innleachd DHE, na creidsinn ann CRIOSD, air áithne leis an TIGHEARNA DIA air feadh gach earran do ’n sgriobtuir, mar chúmhnant an nuadh cho’-cheangail, a’ toirt lán chóir dhoibh-san a chreideas ann, air gach uile bheannucha spioradail a tha air an gealladh ann sa cho’-cheangal sin; oir ’s é sin ann am briathraibh [TD 139] aith-ghearra, gabhail ri CRIOSD. Tha so air iarrui’, ’n uair tha DIA a’ toirt cuire do dhaoine, “iad a thighinn ’s a cheannach,” ’s é sin, iad a shealbhach an iomlain, le gabhail ris an innleachd sin, Isa. lv. 1. Tha cuireadh aig an aitim a tha sgíth teachd d’a ionnsui’-se, chum ’s gum faigheadh iad fois,” Mat. xi. 28. “’Si so áithne-sin, gu ’n creideamaid ann ainm a Mhic IOSA CRIOSD,” 1 Eoin iii. 23. ’S leoir na chaidh ainmeacha cheana chum a dhearbha gu bheil é ’na dhleasnas fiachaicht’. Ach os-barr, ’s é a shamhuil sin do dhleasnas, amháin a bheir lán chóir na h uchdmhacachd do dhuine; oir, ’s iadsan amháin a tha ’gabhail ris, aig a’bheil cóir air bhi ’n an cloinn dá, Eoin i. 12. “Ach a mheud ’s a ghabh ris, thug sé dhoibh cúmhachd a bhi ’n an cloinn do DHIA, eadhoin dhoibh-sin a chreideas ’na ainm.” 2. Mar so, tha é soilleir gur é sin dleasnas feumail gach uile neach. Oir cha lugha na so a bheir co’-dhail chuimiseach do ’n DIA shiorruith a tha ’ga thairgse chum bhi ’na DHIA dhuinn ann CRIOSD; ’s cha lugha na so a cho’-fhreagras d’ar n aidmheil, mar tha sinn ann cúmhnanta ris, mar bhuill d’a eaglais fhaicsinnich. Tha TRIATH na beatha a’ tairgse bhi ’na DHIA dhuinn ann CRIOSD; ’s mar gabh sinne ris an tairgse sin, a’ cuir cúl ris gach fiuthair chum ruigheachd air fior shonas le doigh sam bith eile, ni bheil sinn a’toirt co’-dhail iomchui dhá ann éiric na rinn sé air ar son. Tha é ’g radh, “’S é so mo “Mhac grádhach, ann sa bheil mo lán-toil; éisdibh ris,” Mat. xvii. 5. Mar gabh sinn ris an tairgse, cha ’n ’eil sinn a’ toirt freagra sam bith do’n DIA a chruthaich sinn. Os-barr, tha sinn uil’ air ar baist- [TD 140] eadh ann ainm an TIGHEARN’ IOSA CRIOSD, chum maitheanas peacai, Gniomh. ii. 38. Uime sin, mar gabh sinn ri CRIOSD, mar tha é air a thairgse, tha sinn a’breugacha na h aidmheil sin; air an aobhar sin, o’n is é so an ni a tha co’-fhreagra do thairgse DHE ann san t soisgeul agus d’ar n aidmheil fein mar bhuill d’a eaglais, tha é ’na dhleasnas ro fhiachaicht’ oirn. 3. Ge b’é ni eil’ a bhios aig duine, mar ’eil é mar so a’gabhail ri IOSA CRIOSD, agus ri innleachd DHE chum peacaich a shábhala trid-sin, ni bheil tairbhe sam bith dha ann, aona chuid ann gabhail gu taitneach r’a phearsa, na r’a dheanadas, na idir a shábhaladh anma. Sann amháin ’na Mhac grádhach IOSA CRIOSD a ghabhas DIA gu taitneach ri daoine, Ephes. i. 6. Bha Abel agus iobairt air an gabhail gu taitneach tre chreidimh, Eabh. xi. 4. “’S ea-comasach DIA a thoileach as eug’ais creidimh,” Eabh. xi. 6. Agus an ti nach do chreid ann tha sé air a dhíte cheana, ’s cha ’n fhaic sé beatha; ach tha fearg DHE a’ gabhail cómhnuidh air,” Eoin iii. 18, 36. Oir as eug’ais creidimh, cha ’n ’eil tairbhe ann an cóir air bith o’n leith a muigh; tha clann na rioghachd air an druideadh a mach ma bhios iad a dhiobhail creidimh, Mat. viii. 10, 11, 12. Tha clann Israel coltach ris na h Ana-creid’ich eile, a thaobh staid neo-ghrásmhor, buailteach do dh’fheirg an Uile-chumhachdaich, Jer. ix. 25, 26. “Feuch thig na laithe, ars’ an TIGHEARNA, ann san dean mi peanas air a mhuinntir sin uile a tha air an timchioll-ghearra leo-san nach ’eil air an timchioll-ghearradh, Eipht’ agus Juda, agus Edom,—oir tha na cinnich sin uile gun bhi air an timchioll-ghearra, ’s tha [TD 141] tigh Israel uile gun bhi air an timchioll-ghearra ’n an cridhe” Mar creid daoine gur é ’n ti sin a chaidh a chuir gu bás aig Jerusalem, d’ am b’ ainm IOSA CRIOSD, agus air an d’rinn na fáidhean fianuis, ’s a dh’fhoillsiche gu ’m b’easan Mac DHE le iomadh oibre cumhachdach: Tha mi ’g radh, mar creid daoine gur easan an t slighe, ’s mar gabh iad ris mar an aon slighe amháin, gheibh iad bás ’n am peacaibh, Eoin viii. 24. “Uime sin thuirt mi ruibh, gum básaich sibh ann bhur peacaibh: oir mar creid sibh gur mise é, gheibh sibh bás ann bhur peacaibh.” Uime sin, tha sinn a’g radh, gu bheil é ’na dhleasnas ro fheumail gabhail ri CRIOSD air a mhodh so, mar am fuasgla beannuicht’ a chaidh órducha chum peacaich a shábhala. Tha é fiachaicht’ air gach neach a thig chum aois iomchui, ’s a chluinneas an soisgeul so, smuainteach air a staid chaillte fein, agus air tairgse ghrásmhor DHE trid IOSA CRIOSD; agus teiche’ gu luath o’n fheirg a tha chum teachd, le gabhail gu ro dhúrachdach ris an tairgse so, ’s a bhi lán toilichte leis mar innleachd ro thaitneach chum peacaich a shábhala. ’S a chum an tuille misnich a thoirt do gach neach cuir mu thimchioll an dleasnais so, ’n uair a tha iad a’cluinntin an DIA Uile-chumhachdach a’guidhe ’s a’gríosadh orra bhi réi’ ris fein, thugadh iad fainear gu bheil síth agus slainte gu coit-chionn air an tairgse do’n t sluagh uile gun * choigleadh air neach air bith; “Ma ’s aill le neach air bith,” ’s é a bheatha gu criodhail, Taisb. xxii. 17. Ma tha tart air neach sam bith, ge d’ is ann an diaigh air nithe neo-tharbhach, * leith-bhreith [TD 142] gidheadh ’s é am beatha ann so, air a chúmhnanta roi’-ainmichte, Isa. lv. 2, 3. tha é air áithne do gach uile neach iad a chreidsinn, 1 Eoin iii. 23. “’S i so áithne-sin, gu ’n creideamaid ann ainm a Mhic IOSA CRIOSD.” Tha na geallaine do gach neach a tha air an gairm o’n leith a muigh leis an t soisgeul. Cha ’n ’eil DIA a’ druideadh neach sam bith a mach, mar ’eil iad fein ’g an druideadh a mach, Gniomh. ii. 39 “Tha ’n gealla’ dhuibh-se, agus d’ar cloinn, agus do gach uile a tha fad o laimh, eadhoin a mheud ’s a ghairmeas an TIGHEARNA ar DIA-ne.” Air chor ’s ma tha déigh aig neach sam bith air tighinn a dh’ionnsui DHE, faodaidh iad teachd air an aodhart, ’s cha tilg s é air chor sam bith a mach iad, Eoin vi. 37. air dha “bhi comasach air a mhuinntir a thig chum DHE trid-sin, a shábhala gus a chuid is faide,” Eabh. vii. 25. Agus tha ’m barrachd feum aca-san a chuir dáil fhada sa chúis so, air cuir mu thimchioll anoise leis an tuille dúrachd, ’n t eagal gum folaichear o’n suilibh na nithe a bhuineas d’an síth. Ach cha drúigh na briathra sin, na aon ni is urrain mis’ a radh air an t sluagh neo-iompaichte, gus an taosg DIA a nuas a Spiorad orra o na h árduibh, Isa. xxxii. 15. a thoirt orra dlúthacha ris ann CRIOSD; gidheadh ’s eigin duinn an dleasnas a shior sparradh air daoine, ’s a ghuidhe agus earalach orra air ghaol CHRIOSD, ’s mar is fheudar dhoibh cúnndas a thoirt dhá-san ’n an uile ghniomhartha air chionn latha bhreitheanais, gun iad a thoirt fois na támh do ’n TIGHEARNA, gus an cuir é ’mach orra an Spiorad sin, a bheir é do ’n aitim a dh’ iarras air é. Luc. xi. 13. ’s a thoirt orra eólas a bhi ac’ air na nithe a bhuineas d’an síth, ’s a bhrosnaicheas [TD 143] iad chum gach earran d’an dleasnas a chuir ann gniomh le mór thogradh ann an nuadhachd beatha. CAIB. III. A nochda ciod a tha air iarrui roimh-laimh air a mhuinntir leis an aill creidsinn ann IOSA CRIOSD. III. THA sinn anoise ri labhairt m’an treas ni a chuir sinn rothainn, agus ’s é sin, A nochda ciod a tha air iarrui’ roimh-laimh air an aitim a tha gus an dleasnas so a cho’-lionadh. Cha ’n fhaod daoine tionnsgna gu h obainn, gun dearbh-bheachdach, agus gu h ain-eolach neo-fhiosrach air a chuis so, ag radh, Gu bheil iad lán-toilichte leis ann innleachd sin chum peacaich a shábhala trid CHRIOSD, ’s gun aontaich iad leis, agus gun dean iad bun a toiltinneas an t Slanui’-fhear chum an sábhaladh o’n fheirg a tha chum teachd: ’s bitheant’ a tha daoine ’g am mealla fein sa chúis so, ’s a tha iad ann lán-bharail gun do ghabh iad cheana ri CRIOSD air mhodh slainteil, ’n uair a tha iad ain-eolach air oibreacha grásmhor an Spioraid. Uime sin nochdai sinn nithe eigin a tha air an iarruidh ann an neach a tha ri gabhail ri IOSA CRIOSD; ge nach ’eil sinn ’g an tairgse mar bhuaidhean ro chinnteach, a dh’ullacha duine fa chomhair CHRIOSD, Isa. lv. 1. “Thigibh—gun airgiod agus gun luach;” gidheadh ’s buaidhean iad a tha co ro fheumail, ’s nach ’eil é ’n comas do neach sam bith dleasnas creidsinn ann CRIOSD a cho’-liona gu fiosrach treibh-dhireach dúrachdach as an eug’ais. [TD 144] A bharrachd air na ceud thoiseacha coit-chionn is coltach a bhi aig gach neach a tha caitheamh am beatha fui’ órduighibh an t soisgeil, mar a tha eólas a bhi aca gu bheil anama neo-bhásmhor aig a chinne-daoine, gum bi ’n t anam agus an corp air an dlú-cheangal r’a chéile air chionn latha bhreitheanais; gu bheil néamh agus ifrinn ann, ’s gur h ann ann aon diubh bhios ionad cómhnui bhith-bhuan nan uile dhaoine; gur é ’n Sean-Tiomnadh agus an Tiomna-Nuadh focal fírinneach DHE, agus riaghailt creidimh agus beusan; gu bheil gach duin’ a thaobh náduir as eug’ais grás DHE, ’s ’n an naimhdibh dha, agus fearg thoilltinneach; gur h ann amháin trid IOSA CRIOSD an t Eadar-mheadhon-’air a tha réite ri DIA nam feart; gur i creidimh a dhlú-cheanglas daoine ris, ’s is cúmhnant do’n nuadh-cho’-cheangal; gur é naomhachd toradh fior chreidimh, ’s gum bu chóir do gach neach oirp theann a thoirt air ruigheachd air fior naomhachd, mar ni as eug’ais nach faic neach air bith DIA; tha mion eólas air na nithe sin feumail, ach a bharrachd orra sin, Tha mi ’g radh, gu bheil é air iarruidh roimh-laimh air an duine leis am b’áill creidsinn ann san TIGHEARN’ IOSA CRIOSD, Air tús, Gu ’m beachd-smuaintich é le mór dhúrachd air an staid ann sa bheil é thaobh náduir. Agus ann so ’s fheudar dha eólas a bhi aige mu thimchioll nithe áraid, agus mar an ceudna bhi ro dhúrachdach m’ an timchioll: Tha mi ’g radh, gur eigin da eólas a bhi aige mu nithibh áraid, mar tha, 1. Leis mar bha é air a bhreith ’na reubalach ann aghai DHE, gun do chuir é corruich agus diom air an DIA a chruthaich é le ioma peaca gniomh, ’s gun do dhaighnich é fearg DHE ris; [TD 145] seadh, ’s cóir do dhuine fios a bhi aige air ioma dearbha sonraichte da cheannairc ann aghai DHE, mar tha gu bheil é ’na bhreugoire, ’na fhear brise Sábaide, ’n a fhear labhairt blaisbheum, no an samhuil sin, mar tha Pól a’labhairt gu ro shonraicht’ uime fein ann diaigh laimhe, 1 Tim. i. 13. 2. ’S eigin do’n duine fios a bhi aige, gu bheil fearg DHE tha air a bhagradh san sgriobtuir, a’ buanacha gu neartmhor ann aghai n’ an ceart pheacanna sin ga bheil easan ciontach, ’s air an aobhar sin ’s easan gun teagamh a pháirtidh air a’ bheil DIA, do nach comasach breug a dheanamh, a’ bagra’ cogaidh. ’S eigin do dhuine fios a bhi aige ’n uair tha’n sgriobtuir a’g radh, “’S malluicht’ an neach a dh’íobras ni truailli’ do DHIA,” Mal. i. 14. gur ann ’na aghai fein a tha é labhairt air son a sheirbheis neo-dhúrachdach do DHIA leis an duine o’n leith a muigh, ’n uair bha chridhe fada uaithe, a’dian-ruaga’ nithe faoine na beatha so. ’N uair tha ’m focal a’g radh, “Cha mheas an TIGHEARNA neo-chiontach easan a bheir ainm ann diomhanas,” Exod. xx. 7. ’s cóir do’n duine fios a bhi aige, gur ann ’na aghai fein a tha é labhairt, a mhi-naomhaich gu bitheant’ an t Ainm uabhasach sin, d’ an cóir do gach glún lúbadh ’na fhianais le mór urram, Phil. ii. 10. ’s a tha naimhdean a’toirt ann diamhanas gu h ann-dána, Salm cxxxix. 20. ’N uair tha ’m focal a’g radh, “’S malluicht’ an neach a ni obair án TIGHEARNA gu neo-chúramach,” Jer. xlviii. 10. ’s eigin do’n duin’ a thuigsinn gur ann ’na aghai fein a tha é labhairt, a dh’ éisd gu neo-urramach, dearmadach, le inntin luaineach am focal air a shearmonacha; ’s a rinn úrnuigh gu minic ’na láthair gun mhothacha, gun tuigse, agus gun chreidimh. ’N [TD 146] uair tha ’m focal a ’g radh, “’S an-aoibhin dhá-san a bheir deoch d’a choimhearsnach, ’s a * chuireas a shearrag ris, chum a chuir air mheisg, chum ’s gu ’m faiceadh é a náire lomnochte” Hab ii. 15, 16. ’s eigin do’n duin’ a thoirt fainear gur ann ’na aghai fein a tha é air a labhairt, a rinn uaill ann cuir a choimhearsnaich air mheisg, ’s gu bheil fearg uabhasach air a shocracha leis an TIGHEARNA DIA ’na aghai, a reir an sgriobtuir sin. ’N uair tha ’m focal a’g radh, “Bheir DIA breith air luchd neo-ghloine,” Eabh. xiii. 4. “agus druididh s é iad amach as an nuadh Jerusalem, agus bithidh an cuibhrionn aca san loch a tha dearg-lasa’ le teine agus pronnusc,” Taisb. xxi. 8. ’s eigin do’n duin’ a thoirt fainear gu bheil an sgriobtuir a’ labhairt n’an ceart bhriathra sin ’na aghai fein, air dha bhi ’na dhuine neo-ghlan; air chor ’s gur easan an duine d’a bheil malluchdan an lagha gu neo-mhearachdach a’deanamh an cusboir. 3. ’S eigin do dhuine fios a bhi aige nach ’eil ni air bith aige leis fein a tha murrach air a shíth a ghleidhe’ dha, ’s a chuireas saor é o’n chunnart anabarrach fui’ bheil é; do bhri gu bheil fhíreantachd uile mar ni neo-ghlan, Isa. lxiv. 6. Cha leoir úrnuighean, a sheirbheis eile do DHIA, a dhéircean, &c. a chosna maitheanas da ’na pheacaibh am fianuis an Uile-chumhachdaich, do bhri’ nach d’ thainig iad o’n rún cheart ’n a chridhe, ’s nach raibh iad air an co’-lionadh air mhodh iomchui, na air son aobhar ceart, na idir chum crioch mhaith; bha íobairtean ro fhuathach leis an TIGHEARNA. Gnáth-fhoc. xxi. 27. 4. ’S eigin da thuigsinn, leis mar tha é as eug’ais uile ghrása slainteil an Spioraid, mar tha fior * chumas a bhuideal ris [TD 147] ghrádh DHE, fior eagal ainme, brón diadhuidh air son peacai, &c. co ro shonraichte, gu bheil creidimh ann CRIOSD a dh’ easbhuidh air, a ghabhas an uallach o gach aon neach a chreideas ann. Gus an tuig duine gu bheil na nithe sin ’ga dhi, fágaidh é do ghná ainmheach ’s a throm uallach ann ait’ air bith eile, gun chúram gun umhail, man d’thoir é dh’ionnsuidh an Urrais choit-chionn é. Cha ’n é amháin gur eigin do dhuine bhi fiosrach mu na nithe sin, mar thuirt mi roimhe, ach ’s eigin da mar an ceudna smuainteach orra le mór dhúrachd, sin r’a radh, ’s eigin do na nithe sin drúthadh air, ’s a bhi ro dhúrachdach man timchioll, mar is gná leis a bhi mu ghnothaichean cud-thromach eile; seadh fós, ’s cóir dha bhi ni’s dúrachdaiche sa chúis so na bhitheas é ann gnothaichean saoghalta sam bith, do bhri’ gur cúis ro chud-thromach so ris a’bheil a shonas siorruith inn earbsa. Agus bheir an ro dhúrachd so toradh iomchuidh uaithe. 1. Barrachd cúram a ghabhail mu shlainte shiorruith na ghabhas é mu ni air bith eile. An eigin do dhaoin’ air tús rioghachd DHE iarrui? Mat. vi. 33. A’bheil ann ach aon ni feumail? Luc. x. 42. Am meas Pól na h uile nithe ’n an calldach agus ’nan aolach air son na cúise so? Phil. iii. 8. A’bheil duin’ ann call ge d’ a choisinn é ’n saoghal uile, ma chailleas é anam? Marc. viii. 36. Ann é so amháin a bhios ’na aobhar gáirdeachais, gu bheil ainm dhaoine sgriobht’ ann leabhar na beatha? Luc. x. 20. ’S nach gabh daoine tuille suim’ d’an anam agus d’an slainte shiorruith na ghabhas iad do ni na neach sam bith eile? ’S deimhin leom gu’n gabh, air neo ’s daoin’ iad a tha air dhiobhail céille, ’s ann am breislich [TD 148] ann-dána. Na mealladh neach sam bith iad fein sa chúis so; oir mar deachaidh cunnart anabarrach an anama, agus an slainte shiorruith, ’s cionnas a bhios iad réi’ ri DIA ni’s dlúithe d’an cridhe na chaidh aon ni eile san t saoghal, cha ’n fhaodar le aona bharantas ceart a bharalacha, gun d’fhuair iad riamh mothach air am peaca, na eólas air DIA, no idir air buan-mhaireachduin fheirge air mhodh slainteil. 2. Bristidh an ro-dhúrachd so cridhe an duine, agus lagaichidh é a threóir ’s a neart, agus táirnidh é gu brón é, mar ni neach air son ceud-ghein, Sech. xii. 10. Tha mi ’g aideacha gur fearr a fhreagras am brón ’s an doilghios do ’n earran sin do ’n sgriobtuir ann diaigh so, ’n tra bheir iad fainear mar bha CRIOSD air a lota le ’m peacaibh. 3. Treóruichidh é duine gu fein-fhuath, ’s gu gráin a ghabhail d’eth fein. ’N uair a mhothaicheas duine dha fein air a mhodh sin, cha ’n ’eil é ’n comas da gun sgreimh a ghabhail ris fein air son a ghráinealachd, leis an d’thug é sgrios air fein. Tha cáil-eigin do’n spiorad dhioghaltais sin ann a tha air ainmeacha mar thoradh an fhior aithreachais, 2 Cor. vii. 11. “An ni sin fein brón diadhui bhi oirbh, creud é meud an dúrachd a dh’ oibrich é annaibh,—seadh, creud an togra dioghaltais!” 4. Ni am mór dhúrachd so duine ro-oirpeach chum cobhair fhaotainn; o nach ’eil é ann fein, cha ’n ’eil do dhánadas aige na chuireas dáil sa chúis, mar bu ghná leis a dheanamh; ’s gu deimhin tha so air iarrui, gu’m mothaich é bhi air a dhian-ruaga ’s air a chuir thuige cho teann, ’s gur maith leis teiche gu ionaid eigin chum a dhion. Tha mi ’g aideacha gu bheil tomhas is mó do’n [TD 149] dúrachd so aig dream eigin na tha aig cuid eile, mar a nochd sinn san earran is toisiche do’n leabhar so: ach ma labhras sinn mun doigh leis an gná leis an TIGHEARNA DIA oibreach air a mhninntir a tha air teachd gu h aois, tha sinn a’g radh, gur eigin doibh staid chunnartach an anma a ghabhail d’an ionnsui fein le mór-dhúrachd, gun fhiuthair a bhi aca ri cobhair sam bith ionnta fein, o nach ’eil feum aig a mhuinntir a tha slán air an léigh, ach aca-san a tha ea-slan, Mat. ix. 12. Air son tomhas an dúrachd so, tha sinn amháin a’g radh an ni tha coltach, gum bi duine toileach leis an tomhas sin air cúmhnanta treibh-dhireach dúrachdach a dheanamh ri CRIOSD, air dhoigh sam bith air a’bheil sé ga thairgse fein chum gabhail ris. ’S é ’n dara ni tha air iarrui roi’-laimh air an duine leis am b’ áill creidsinn ann IOSA CRIOSD, Gur eigin da eólas a bhi aige air an t slighe chum dol as o fheirg an Uile-chumhachdaich: ’s eigin do’n Spiorad beo-mhothach a thoirt da air an fhíreantachd sin. ’S eigin do dhuin’ a thoirt fainear gu soilleir san ám so, gun do dhealbh DIA a’ pailteas a mhór mhaitheas innleachd chum peacaich chaillte a shábhala trid IOSA CRIOSD an t Eadar-mheadhon-’air, neach a thug fhíreantachd iomlan lán diola do cheartas DE a bha gu dligheach air éiridh am feirg ’n ar n aghaidh-ne; agus a ghleidh lán mhaitheanas agus deadh-ghean siorruith DHE dhoibh-sin uil’ air an cuir é iompaidh leis an t soisgeul so chum gabhail ri tairgse TRIATH na beatha, Gniomh. xiii. 38, 39. “Uime sin biodh fhios agaibh-se,—gur ann tre’n duine so tha maitheanas peacaidh air a shearmonacha dhuibh; agus trid-sin tha gach uile neach a [TD 150] a chreideas air an saoradh o na h uile nithibh,” Eoin i. 12. “A mheud sa ghabh ris thug se dhoibh cumhachd a bhi ’n an cloinn do DHIA, eadhoin dhoibh-sin a chreideas ’na ainm.” Air chor ’s nach ’eil neach sam bith air a dhruideadh amach o’n tairgse sin, ge b’é inbh na staid ann sa bheil é, ge b’é caithe-beatha bha aige san ám a chaidh seachad, m’ar ’eil é ciontach do’n pheacadh ann aghai ’n SPIORAID NAOIMH, ni is é fuath mi-runach gámhlasach ’s a’ diulta le táir an doigh tha air órducha chum peacaich a shábhala, mar a chluinneas sinn ann úine ghearr; oir maithean gach seórta peacai dhoibh-sin a ghabhas ri tairgse DHE mar tha é ’g iarrui, Mat. xii. 31. “Tha é comasach air a mhuinntir a thig chum DHE trid-sin, a shábhala gus a chuid is faide,” Eabh. vii. 25. ’S é ’n treas ni tha air iarrui roi’-laimh, Gun eigin do dhuine fios a bhi aige, mar nach do dhruid DIA a mach é o’n fhuasgla tha air órducha chum peacaich a shábhala, gu bheil é toileach bhi réi’ ri daoine trid IOSA CRIOSD, agus cho’-éignich é daoine chum gabhail ris trid an t Slanui’-fhear uile-bheannuichte, ’s mar so an t slainte sin a chosna dhoibh fein, ’s gun dáil a chuir ann sa chúis. Cha ’n ’e amháin gu bheil é toirt cuire do gach uile neach teachd da ionnsuidh, Isa. lv. 1, 2 ’s a’gabhail gu fáilteach riu-san a thig, mar a chi sinn san t soisgeul, ’s a’cliuthacha na h aitim sin a tha teachd, mar an Caiptein-cheud, Mat. viii. 10. ’s a bhean o Chanaan, Mat. xv. 28. ’s tha é toirt achmhasan do dhaoin’ air son nach ’eil iad a’tighinn ’s a’gabhail ris, Eoin v. 40. “’S cha ’n áill leibh teachd a’ m’ ionnsui-se’, chum sgu ’m faigheadh sibh beatha;” ’s tha é ’g an díteadh air so [TD 151] nach ’eil iad a’gabhail ris air a mhodh sin, Eoin iii. 18. “An ti nach creid ann, tha é air a dhíte cheana;” ach tha é mar an ceudna ’toirt áithne do gach neach iad a chreidsinn ann CRIOSD, 1 Eoin iii. 23. “’S i so áithne-sin, gu ’n creideamaid ann ainm a Mhic IOSA CRIOSD.” Air chor ’s nach cóir do dhuin’ a chuir ann teagamh nach ’eil an TIGHEARNA lán toileach gabhail i daoin’ a thig air mhodh treibh-dhireach dúrachdach a dh’ionnsui CHRIOSD, oir lán shoilleirich DIA sin san sgriobtuir. Mar bi fios aig duin’ air na h urrad so, ’s gann a bhios a chridhe aige gabhail ris an innleachd ro luachmhor sin a shábhala pheacach, no idir a chud-throm ’s a thaic a leigeadh air guaillnibh treun uile-chumhachdach an t Slanui’-fhear bheannuicht’ a tha lán chomasach air a throm uallach a ghiulan ma thaicear ris é. ’S é ’n ceathramh ni tha air iarrui roi’-laimh, Gur eigin do’n duine leis an áill gabhail ri IOSA CRIOSD, a chuir roimhe gu ’n cuir é gach cúmhnant ri ifrinn agus ris a bhás fa sgaoil, Isa. xxviii. 15. ’S eigin do dhaoin’ a chuir rompa gu’n cuir iad cúl ris gach olc air am fiosrach iad, a tha ’n an aodhradh; oir, “ni bheil réite sam bith eadar CRIOSD agus Belial,” 2 Cor. vi. 14, 15, 16, 17, 18. Tha’n TIGHEARNA DIA a ’g iarruidh air gach neach aig am bi fiuthair ri easan fhaghail, nach biodh iad air son neach eile, Hos. iii. 3. Tha so fada o aithreachas a reir an t soisgeil, ni tha mi ’g aideacha nach ’eil a’dol air thoiseach air gabhail ri CRIOSD tre chreidimh: oir ni bheil ann so ach ro bheagan a bharrachd air fuath a thoirt do na nithe sin a bha ro thaitneach le duine san ám a chaidh seachad, agus táir a dheanamh air na nithe sin m’an raibh é ro dhéigheil [TD 152] roimhe so, do bhri’ gu bheil sé ’ga fhaicinn fein caillte d’an taobh, agus fuasgladh uatha anoise ’na thairgse; leis a’bheil a chridhe a’tionnsgnadh air bhi ni’s ro chúramaich na bu chleachda leis. Ann diaigh so, ’n uair a bheachdaichear air IOSA CRIOSD ’na aonar, bithidh a ro oirdheirceas agus a mhaise follaiseach, air chor ’s nach ’eil a choimeas a measg nan uile dhee, ’s tha é ’g amharc mar chómhdacha leoir-fhoghainteach do shúilibh na muinntir a gheibh é: leis a’ bheil an cridhe a’ toirt mór spéis do dh’innleachd DHE ann san nuadh cho’-cheangal, ’s a’ miannach a chud-throm a leigeadh air CRIOSD a raoghain air gach ni eile, ga aoma fein da ionnsui; ’s mar sin tha ’n duin’ a’fás ’na fhior chreid’each. Cha ’n abair mi gum faighear gach aon do na nithe sin mun do labhair sinn gu riaghailteach soilleir ann sgach neach mu’n gabh é ri DIA ann CRIOSD; oir faodar doigh a chridhe ri CRIOSD a chuir ris na ceithir nithe iongantach, Gnáth. xxx. 18, 19. ’s cúis ro chruaidh an cridhe a lorgacha ’n a atharracha o dhorchadas gu solus; gidheadh tha sinn a’nochda na doigh is riaghailtich agus is coltaiche, do’n ti tha ’g iarruidh eólas air a chúis; ’s leis a sin, a’fógradh na muinntir a tha ain-eolach ann-diadhui neo-mothachail o bhuntainn ris, ’s a’toirt sparra dhoibh gun iad a ghabhail os laimh gu bheil cóir sam bith ac’ air IOSA CRIOSD am fad ’s a bhuanaicheas iad ann san staid sin, gus am fosgail an t Uile-chumhachdach súilean an inntin, ’s gum faic iad an staid chaillte a thaobh náduir, agus am feum anabarrach a tha ac’ air IOSA CRIOSD an Slanui’-fhear. [TD 153] CAIB. IV. Na buaidhean agus an tairbhe tha gu nadurr’ a’ leantuinn an fhior chreidimh. IV. ’S E ’n ceathramh ni a chuir sinn rothainn ris an labhramaid, Buaidhean an dleasnais so, ’n uair a cho’-lionar air mhodh iomchuidh é. Cha’n ainmich mi ach beagan diu. 1. ’S eigin do chreidimh ann CRIOSD bhi pearsonta; ’s eigin do dhuine gabhail ris an t Slanui’-fhear ’na phearsa fein; “Bithidh am fírean beo tre chreidimh,” Hab. ii. 4. Tha so a’ciallucha, nach leoir chum duin’ a shaoradh o thruaigh, gu bheil é ’n co’-cheangal ri DIA, gun d’ rugadh é ’na bhall do ’n eaglais fhaicsinnich, tre úmhlachd a pháranta do dh’órduighibh DHE: ni mó a dh’fhóghnas é, gun d’fhuair é seul’ inndrin a bhaistidh, ’s gun do ghabh é san ám sin os laimh slaint’ iarrui trid fuil ioc-shlaintich an t Slanui’-fhear, mar tha gach naoidhean a’deanamh: ni mó a dh’fhóghnas é, gun d’ thainig daoine o phárantaibh diadhuidh; oir cha d’thoir an creidimh-san cóir d’an cloinn air beannuchaibh spioradail a chúmhnanta: cha mhó a dh’fhóghnas é, gun d’ thainig páranta f’a cháil-eigin do cheangal as leith an cloinne ann ám am baistidh, ’s gun d’ thug iad suas do’n TIGHEARN’ iad: cha ’n fhoghainn gach ni dhiu sin uile: oir tha clann na rioghachd agus clann dhaoine diadhuidh air an druideadh amach; mar bi aig duin’ é fein, creidimh ann IOSA CRIOSD, ’s mar bi a chridhe [TD 154] lán toilichte leis an innleachd luachmhor sin chum peacaich a shábhala, cha chomasach gum bi é air a shábhala. Tha mi ’g aideacha gur é CRIOSD a bheir an creidimh so dhá, ach ’s ni cinnteach gur eigin do’n chreidimh so bhi pearsonta. 2. ’S eigin do’n dleasnas so bhi treibh-dhireach durachdach; “’S ann leis a chridhe a chreideas duine chum fíreantachd,” Rom. x. 10. ’S eigin do dhuine bhi dúrachdach neo-chealgach ann gabhail ri CRIOSD, ’g a mhiannacha thair gach ni air an cual’ é riamh iomra, gun bhi san iom-chomhairle mun chúis. Cha ’n é ’mháin gur eigin do ’n chúis a bhi sa cheann na san tuigse, ach ’s eigin gum bi é ann sa chridhe; cha’n é ’mháin gur eigin do dhuine dearbh-bheachd a bhi aige gur é CRIOSD an t slighe, ach ’s eigin da lán-dearbha bhi aig air, ’g a ghrádhacha, ’s a’gabhail mór thlachd ann; air chor ’s gur “é uile mhiann duin’ é,” mar tha Daibhi a’labhairt m’an chúmhnant’, 2 Sam. xxiii. 5. Ma bhios duine dúrachdach mu ni air bith, gu cinnteach ’s eigin gum bi e mar sin san “aon ni so a tha cho feumail.” Cha dean barail fhaoin sa cheann an gnothach so, ’s eigin gur é obair ro dhúrachdach a chridhe agus an anma a bhios ann; seadh, cha’n obair é ann san leith is iomallaiche do ’n aigneadh, ach ann san ionad is ro phríseile do’n aigneadh agus do’n anam, far a’bheil CRIOSD air a dhealbh. Nach dúrachdach is ion do dhuin’ a bhi sa chúis so ann san bheil a mhór shonas siorruith a’ co’-sheasamh? An dean an “TIGHEARNA gáirdeachas os cionn duine; mar ni fear na bainnse gáirdeachas air son a chéilidh? Isa. lxii. 5. ’s gu ’n “gabh sé cómhnui’ ’na ghrádh le h aiteas?” Seph. iii. 17. ’s am bi cridhe duine cho neo-mothachail [TD 155] air maitheas DE, ’s cho mhi-reusonda ’s nach d’théid é amach ann co’-dhail árd Chruthai’-fhear mór an t saoghail, ’n uair tha TRIATH na beatha a’nochda gu bheil é cho deónach air teachd ’na cho’-dhail-se, ’s a’gabhail na h urrad shuim do shonas siorruith a chinne-daoine? A muinntir ionmhuinn, mun d’théid sibh ni’s faide air bhur ’n aghai, cuiribh bhur lámh air bhur cridhe, agus smuaintichibh air caoimhneas neo-chriochnach an Uile-chumhachdaich d’ar taobh; agus faicibh na tha é ’g iarruidh oirbh ann éiric a mhór chaoimhneas duibh; cha ’n ’eil é ’g iarrui ni air bith oirbh, ach amháin bhur cridhe, agus shaoilinn nach bu chóir dhiubh an éara’ thoirt da, do bhri gur é bhur maith fein a th’ aig DIA san amharc; uime sin íocaibh do DHIA nam feart an ni tha é ’g iarruidh oirbh, eadhoin bhur cridhe, air neo na d’thugaibh ni air bith dhá, Gnath. xxiii. 26. “A mhic thoir dhomh-sa do chridhe,” 1 Cor. xiii. 2, 3. “Ge d’ a chaithinn mo mhaoin uile chum na bochdan a bheathacha, ’s ge d’ a bheirinn mo chorp chum a losgaidh, ’s gun ghrádh agam, cha ’n ’eil tairbhe sam bith dhamh ann.” Air an aobhar sin a bhráithribh, grádhaichibh an TIGHEARNA DIA, a ghrádhaich sinne co mór; thugaibh grádh pósai dhá, air neo na d’thugaibh grádh idir dhá. Gidheadh cha ’n abair mi gu bheil grádh cumhachdach mothachail aig gach neach, a bheir orra fás gu tinn, cho luath ’s a chreideas iad; ach ’s eigin do ghrádh riasonda caomhail, air a shochcrach air deadh stéigh, agus cho ro bhunailteach a bhi ann an co’-chuideachda creidimh ’s nach ’eil móran uisgeachan comasach air * a mhúchadh, “Tha é laidir mar am bás, agus loisgidh eud ann mar theine,” Laoidh. viii. 6, 7. * a bhathadh [TD 156] 3. ’S eigin do threas buaidh a chreidimh bhi reusonta, leis mar tha é dol amach as diaigh an t Slanui’-fhear. Leis an ni so tha mi ciallucha, gur cóir do’n duine dlúthacha ri DIA ann CRIOSD, ann an eólas agus ann tuigse, a lán thuigsinn innleachd DHE chum peacaich a shábhala trid IOSA Mac an DE bheo, mar tha ’n sgriobtuir ga nochda, gun bhi ann am barail gu bheil CRIOSD aige fein, air dhoigh air bith eile ach mar tha’n soisgeul ’ga chuir ann géill, no idir doigh eile chum fuasgladh fhaotainn trid-sin ach mar tha focal neo’-mhearachdach DHE a’nochda. Air an aobhar sin tha sinn a’toirt fainear gu bheil eólas air a chuir ris a cho’-cheangal eadar DIA agus duine mar ni ro fheumail, Jer. xxiv. 7. “Agus bheir mi cridhe dhoibh chum ’s gun aithnich iad mi, gur mise an TIGHEARNA, ’s bithidh iadsan ’n am pobull domh-sa, ’s bithidh mise a’m’ DHIA dhoibh-sin,” Ier. xxxi. 34. “Agus cha teagaisg gach aon aca ni’s mó a choimhearsnach, agus gach aon a bhráthair, ag radh, Gabh eólas air an TIGHEARNA: oir bithidh eólas ac’ uil’ orm, o’n neach is lugha gus an neach is mó dhiubh, ars’ an TIGHEARNA.” Tha mi cialluch ann so mar an ceudna, gur cóir do dhuine bhi ann suidheacha ceart inntin, agus ann ciúineas spioraid gu h úmhala, macant’, iriosal ann ám dha bhi gabhail ri IOSA CRIOSD; ni h ann an togradh neo-bhunailteach, nach mair ach úine ghearr, Mat. xiii. 20. “Easan a fhuair an siol ann ionada clochach, ’s é so an ti a chluinneas am focal, ’s a ghabhas é air ball le gáirdeachas:” no ann triobluid trid cruaidh-chas eigin o’n leith a muigh, mar bha ’m pobull, Salm lxxviii. 54. “’N uair a mharbh sé iad, ann sin dh’ iarr siad [TD 157] é—’s dhearbh iad a bhi neo-sheasmhach ann sa chúmhnanta;” no idir fui’ bhuaire chum buannachd eigin aimsireil o’n leith a muigh, mar bha Simon Magus ’n uair a chreid é, Gniomh. viii. ’S eigin do dhuin’ é fein a ghiulan gu riasonta sa chúis so, air dhá bhi ’na mhaighstir air fein, agus comasach ann an tomhas eigin air breith a thoirt air maith na olc na cúise mar tha é ’na fhianuis. 4. ’S é ’n ceathramh buaidh, creidimh, mar tha i dol amach le reuson, tha i mar an ceudna dol amach le rún-suidhichte. Thilg an sluagh ámhgharach bochd ann san t soisgeul iad fein le’n lán-rún air IOSA CRIOSD. Tha ’n rún suidhichte spioraid so, chum cathach ann aghai gach buaireadh a dh’ fhaodas teachd ’n an rathad; tha foirneart air a nochda do na nithe sin. Cha ’n fhaod an duine sin aig a’ bheil a chridhe ga dhealbh fein fa chomhair CHRIOSD, a’ radh, “Gu bheil leomhann air an t sráid,” Gnáth. xxvi. 13. Mar faigh é comas dol a stigh air an dorus, bristidh é tre mhullach an tighe, coltach ris an duine sin, Luc. v. 19. ’S minic nach bi suim aige do’n ni sin ris an abair an saoghal gliocas agus eagnadh, coltach ri Saccheus a streap suas ri craoibh chum ’s gum faiceadh é CRIOSD, ’n uair bha creidimh a’tármacha ’na chridhe, Luc. xix. Tha ’n rún-suidhichte spioraid so a’gabhail beachd air gach triobluid a dh’ fhaodas leantuinn ann lorg a chreidimh, agus tha é cuir roimhe ann neart an Uile-chumhachdaich gun d’ thoir é buaidh air gach buaire ’s air gach triobluid a dh’ fhaodas tighinn ’na rathad, cosmhuil ri fear togail glic a chunntas an costus roi-’laimh, Luc. xiv. 28. Tha ’n rún suidhichte so mar an ceudna chum cathach ann aghaidh iodhalaibh duine air fad, ’s ann aghai [TD 158] nithe a bheireadh gu réi’-bheirteach buaidh air, ’s a thilge’ bonn os cionn é, mar deanadh é thaice fein ri CRIOSD chum neart fhaotainn a thoirt buaidh air an iomlan, coltach ris an duine dhall sin a thilg aodach uaithe, ’n uair a ghairm CRIOSD é, Marc. x. 50. Tha ’n lán rún-suidhichte so san anam a’sruthadh o fhein-fheum anabarrach ann san duine, mar thachair do dh’ fhear-coimhead a phriosuin, Gniomh. xvi. 30. agus o iartas árd-uachdranach an Uile-chumhachdaich, a’ co’-éigneach an duine gu gluasad a dh’ionnsui CHRIOSD, 1 Eoin iii. 23. “’S i so áithne-san, gu’n creideamaid ann ainm a Mhic IOSA CRIOSD:” agus o’n deadh chliu tha air dol amach mu DHIA, nach cuir é cúl ri neach sam bith a thig da ionnsui trid IOSA CRIOSD, Eoin vi. 37. ach sann a tha é moladh na h áitim sin a tha gabhail do mhisnich teachd da ionnsui, ’s a chuireas na cruaidh-chais agus na triobluidean is mó ann neo-shuim, mar bha a bhean do mhuinntir Chanaan, Mat. xv. 28. Ach os-barr air so uile, tha ’n lán rún-suidhichte so a’teachd amach o gháirdein trein uile-chumhachdach JEHOBHAH mhoir, gu diomhair agus gu neartmhor a’tarruing a pheacaich a dh’ionnsui CHRIOSD, Eoin vi. 44. “Cha ’n urrain neach air bith teachd a’m’ionnsui’-se, mur tarruing an t Athair a chuir uaithe mise é.” Cha ’n abair mi gu bheil na chaidh ainmeacha do smuaintibh, gu riaghailteach ’na inntin aig gach neach a ghabh ri CRIOSD, mar tha é air a thairgse san t soisgeul: gidheadh mu rannsuichear a chúis, ’s ma chuirear thuige gu teann é, no idir ma chuirear na nithe sin ’na chuimhne, gheibhear amach gu bheil iad san ám sin gu h árd san anam. [TD 159] O na chaidh labhairt, tha é lán shoilleir, gu bheil mór fheum aig ioma neach ann san eaglais fhaicsinnich air cáil-eigin, do thuill’ a dheanamh chum an anam a shábhala, ’n uair a thig iad gu aois iomchuidh, na rinn iad san ám a chaidh seachad, ann sa chúmhnant tha eadar DIA agus an eaglais, air * a nasgadh dhoibh ann am baiste. Mar an ceudna, O na chaidh labhairt, tha é soilleir, gu bheil faicill iomchuidh air saor ghrás DE ann san t soisgeul, air a nochda trid IOSA CRIOSD an Slanui’-fhear; air chor ’s nach ’eil é ’n comas do dhaoin’ ain-eolach, neo-mothachail, mi-naomh, a ghabhail os laimh gu bheil cóir ac’ air, ma rannsuicheas iad a chúis, ’s ma bheir iad breith neo-chlaon air an staid. Tha é fior gun amharus, gu bheil creidsinn ann CRIOSD, agus gabhail ris mar Shlanui’-fhear uil’-fhoghainteach ’na ni so-dheanta, agus tha gach neach mi-dhiadhuidh a’g radh, gu bheil é fein a’creidsinn ann: ach tha iad ’g am mealla fein, o nach do ghabh an anam riamh gu treibh-dhireach dúrachdach le lán rún-suidhichte ri IOSA CRIOSD, mar a thuirt sinn roimhe. Faodaidh é bith gun raibh cuid do dhaoin’ aingidh air an soillseacha, Eabh. vi. 4. ’s gun do mhothaich iad cáil-eigin do ghluasad ’n an eagal, “chriothnaich Felics,” Gniomh. xxiv. 25. no ’nan aoibhneas. “Easan a fhuair an siol ann ionadaibh clochach, ’s é so an ti a chluinneas am focal, ’s a ghabhas é air ball le gáirdeachas,” Mat. xiii. 20. agus dh’éisd Ioraith ri Eoin gu toileach, Marc. vi. 20. ach cha raibh ’n cridhe treibh-dhireach ann dlúthacha ris an DIA bheo, Jer. xxx. 21. sann a shuidh iad sios an dara cuid san obair chumannta sin, mar an t ionad dídein, gus an d’thainig an d’ * a sheula [TD 160] fheuchainn, Mat. xiii. 21. “’N uair thig triobluid no geur-leanmhuinn air son an fhocail, air báll do gheibh sé oilbheum;” air neo pillidh iad air an ais leis a mhada chum an sgeith, o’n raibh iad ann tomhas eigin air an saoradh trid eólais an TIGHEARNA agus an t Slanui’-fhear IOSA CRIOSD, 2 Pead. ii. 20. no tuitidh iad gu tur air falbh gu fuath a ghabhail air, ’s gu tailceis mhí-runach ghamhlasach ’s geur-leanmhuinn a dheanamh air IOSA CRIOSD, ’s air gach ni a bhuineas dá; o’n gann a dh’fhaodas iad bhi air an teasraigin, Eabh. vi. 4, 5, 6. agus Caib. x. 26, 29. Bu chóir do na nithe sin daoin’ a bhrosnucha chum bhi dúrachdach san obair chud-thromaich so, man d’ thig orra oi’che tinneis agus báis, ’s man taisgear iad ann leabai shámhaich thosdaich na h uaighe V. Thainig sinn anoise gu labhairt mun chuigibh ni a chuir sinn rothainn, agus ’s é sin, Ciod a tha gu nádurr’ a’leantuinn fior chreidimh? Bheir mi na labhras mi mu na nithe sin, chum an dá ni so, eadhoin, Aonachd, agus Co’-chomunn ri DIA. AIR thús ma’ta, Tha mi ’g radh, ’n uair a ghabhas peacach ri CRIOSD, mar tha é air a’ radh, tha aonachd iongantach air ball eadar DIA agus an duine. Mar nach ’eil am fear pósda ’s abhean, an ceann ’s an corp, an fhreumh ’s na meanglain ri bhi air a’meas mar dhithis, ach ’n an aon; air a mhodh cheudna tha CRIOSD, no DIA ann CRIOSD, agus am peacach tha gabhail ris tre chreidimh, ’n an aon; “’S buill sinn d’a chorp, d’a fheoil, agus d’a chnámhaibh-san, &c.” Eph. v. 30, 31, 32. “An ti sin a tha mar sin air a cheangal ris an TIGHEARNA, is aon spiorad [TD 161] ris é,” 1 Cor. vi. 17. “Mar tha ’n t Athair ann sa Mhac, agus CRIOSD ann san Athair; mar sin tha creid’ich ’nan aon ann san Athair agus ann sa Mhac: tha iadsan ’n an aon, mar tha ’n t Athair ann CRIOSD, agus CRIOSD ann sna creid’ich, chum ’s gun deanar co’-lionta ’n an aon iad,” Eoin xvii. 21, 22, 23, 26. O cia iongantach an coi’-measga, ’s an t snuim nach fhaodar fhuasgla tha’n sin! A thaobh an aonachd so tha eadar DIA ’s an creid’each, 1. Cha ’n ’eil é ’n comas doibh fuath a thoirt d’a chéile. Uaithe so amach cha d’thoir DIA na trócair fuath do’n chreid’each a chaoidh: “Mar nach d’thug duin’ air bith riamh fuath d’a fheoil fein, ach altrumaidh agus eiridni’ sé i, ’s amhuil a ni CRIOSD d’a phobull,” Eph. v. 29. Faodai do chorruich a bhi air, gun smachduich ’s gu’n cronaich sé an duine sin a tha ’n a fhior chreid’each; ach gidheadh sann air a leas a tha é ris, agus thig a chúis m’an cuairt, air chor ’s gum mothaich é gur ann a chum a phrodhait ’s a bhuannachd a tha ’n TIGHEARNA buntainn ris air a mhodh sin: “’S eigin gur trócair agus fírinn dha-san uile shlighibh an TIGHEARNA,” Salm xxv. 10. “’S eigin gu ’n co’-oibrich gach ni chum a mhaith,” Rom. viii. 28. Air an laimh eile, cha ’n ’eil é ’n comas do’n chreid’each fuath mi-runach gamhlasach a thoirt do DHIA; oir, “An neach a ghinear o DHIA, cha dean é peacadh,” 1 Eoin iii. 9. Oir rúnaich agus dh’ órduich an TIGHEARNA DIA nithe a bhi air a mhodh so, gum buin easan ris na creid’ich ann sgach cás, chum am maith, ’s cha cheaduich é dhoibh fuath thoirt dha uair air bith, no idir bhi air an spíonadh as a laimh. [TD 162] A thaobh an aonachd so, tha co’-mhothach iongantach eadar DIA ’s an creid’each. Tha ’n TIGHEARNA fui’ thriobluid air son ámghar an duine, Isa. lxiii. 9. Tha é cathacha ’n a aghai gu caomhail, cúramach agus gu tíomail, mar gum biodh é fein fui’thriobluid leis. “An ti a bheanas ris a chreid’each, tha é beantuinn ri cloch na súl aig DIA,” Sech. ii. 8. “Tha co’-fhulangas aige r’an anmhuinneachdaibh,” Eabh. iv. 15 agus “’s príseil am fuil ’na fhianais,” Salm cxvi. 15. Ann aon fhocal, ge b’é ni tha air a dheanamh dhoibh-sin, tha é air a dheanamh dha-san, ’s an ni nach ’eil air a dheanamh dhoibh-sin, ni bheil é air a dheanamh dha-san, Mat. x. 40, “An ti ghabhas ruibhse, gabhuidh sé riumsa,” Mat. xxv. 40, 45. “A mheud ’s gun d’ rinn sibh e do dh’ aon do na bráithribh so is lugha agamsa, rinn sibh dhomhs’ é.” A mheud ’s nach d’ rinn sibh é do’n neach is lugha dhiubh so, cha d’rinn sibh dhomhs’ é.” Air an laimh eile, tha eúd a thighe ’gabhail cómhnuidh ann cridhe a chreid’ich, Salm lxix. 9. Tha ’n táir a gheibh DIA a’ drúthadh air an duine dhiadhui, Ma tha chúis-san a’dol gu maith, ’s é so gnothach a phobuill. Air chor sgu bheil co’-mhothach iongantach eadar DIA agus na creid’ich, tre chumhachd an aonachd a tha eatorra; air an aobhar sin, ’s cóir do dhaoine mór fhuath a thoirt do gach ni bhios a’ co’-stri ris-san ’n an grádh no ’n an aigneadh, agus cúl a chuir ri bhi ’n an tráillean do na creatuiribh, do bhri’ gur iad sin seirbheisich an DIA-se ’s am Fear-pósda, agus an seirbheisich fein trid-san. Nach mi-chiatach gráineil a thig é do bhann-righ bhi ciontach do striopachas ri seirbheisich a fir? Tha e [TD 163] mar an ceudna ’na ni maslach do chreid’each a bhi fui’ eagal a’droch sgeul, o’n a tha ’n TIGHEARNA DIA, ris a’ bheil easan ’n a aon, amháin a’riaghladh nan uile nithe, ’s a tha deanamh gach ni a reir r’a thoil air néamh, agus air talamh, 1. Cor. iii. 21, 23. “’S libhse na h uile nithe; agus ’s le CRIOSD sibhse, agus ’s le DIA CRIOSD,” Salm cxii. 6, 7. “Gu cinnteach cha ghluaisear am feasd é, cha bhi eagal droch-theachdoireachd air: tha chridhe air a shocruch, a’g earbs’ as an TIGHEARNA, tha chridhe air a dhaighneacha, cha bhi eagal air,” Salm cxv. 3. “Tha ar DIA-ne air néamh, agus rinn é gach ni bu toileach leis.” SAN dara h áite, ’S co’-chomunn iongantach gun choimeas, a bhuaidh mhór eile tha ’n lorg fior chreidimh: trid * feart’ a cho’-chomuinn so, 1. Buinidh DIA ’s a luchd muinntir d’a chéile. ’S é TIGHEARNA nan sluagh DIA a phobuill: ’s é fein, an t Athair, a Mac, ’s an Spiorad Naomh, an DIA-san, ’na uile bhuaidhibh glóirmhor, a cheartas co maith r’a thrócair, a ghliocas, a chumhachd, a naomhachd, &c. oir ’s easan DIA a phobuill, mar tha é gu bitheant’ a’g radh sa cho’-cheangal. Air an laimh eile, ’s iad na fior chreidich a phobull-sa. ’S leis gach aon ni a bhuineas doibh, cha ’n eil ’urrad a bhuill is suarraiche d’an corp nach leis an TIGHEARNA, ’s air nach ’eil lán chóir aige. 2. Trid cumhachd a cho’-chomuinn so, tha co’-chóir ac’ air saibhreas a chéile, co fad ’s a bhios é feumail. Buinidh uile bhriathraibh an TIGHEARNA do na creid’ich, a bhagraibh, co maith r’a gheallaine chum am maith, mar riaghailt stiúrai dhoibh; buinidh uile shlighibh dhoibh, uile * cumhachd [TD 164] ghné oibridh, a cho-pairteacha sonruichte, bás, deamhain, eadhoin gach aon ni, co fad ’s a bhios iad feumail dhoibh: 1 Cor. iii. 21, 22, 23. “’S libhse na h uile nithe; ma ’s é Pól, no Apollos, no Cephas, no an saoghal, no beatha, no bás, no nithe tha láthair, no nithe tha ri teachd; is libhs’ iad uile; agus ’s le CRIOSD sibhse; agus ’s le DIA CRIOSD.” Air an laimh eile, ’s leis an TIGHEARNA gach aon ni a bhuineas do’n chreid’each; tha oighreachd, a chlann, a bheatha, a bhean-phósd, a mheas, &c. gu h iomlan f’a stiúradh an TIGHEARN’ aig a’bheil stiúir an domhain ’na laimh: mu bhios ni na neach do na bheil aig a chreid’each feumail do DHIA, ’s cóir dhá dealucha riu gu suilbhearra, air neo tha é briseadh a cho-chomuinn sin, ’s a’dearbha nach ’eil é fein iomchuidh air son no idir aithrigh air IOSA CRIOSD: Luc. xiv. 26. “Ma thig neach air bith do m’ ionnsui’-se, ’s nach fuathaich é athair—seadh fós, agus a bheatha mar an ceudna, cha ’n ’eil é ’n comas da bhi ’na dheisciobuil domh-sa.” 3. Trid cumhachd a cho-chomuinn so, bu chóir do dhlú-dháimh ’s do cho’-chaidreamh ro mhór a bhi eadar DIA ’s an creid’each. Faodai DIA buntainn ris gach aon ni a bhuineas do’n chreid’each, ’s a dheanamh ris gach ni is taitneach leis; ’s cha ’n ’eil an duine r’a ghabhail gu h olc, no idir gu radh ris an Uile-chumhachdach, “Creud a tha thu ’deanamh?” sann is cóir dha a’radh ann sgach cás, “’S maith focal, agus toil an TIGHEARNA,” Isa. xxxix. 8. 2 Righ. iv. 23, 26. Air an laimh eile, faodaidh an creid’each air mhodh iriosal, bhi dána ri DIA ann CRIOSD; faodaidh é teachd le dánachd chum righ-chaithir n’ an grás, ’s cha ruig é leas móran do bhriathra [TD 165] snasmhor no do dheas-chainnt a ghnáthacha ’na ath-chuingibh ri DIA, Eabh. iv. 16. oir cha ’n’eil é ni’s mó ’n a choigrich dha, Eph. ii. 19. air chor ’s nach ruig é leas labhairt ri DIA, mar neach aig a’ bheil eólas r’a dheanamh suas ris gach aon ám, mar is gná le móran do luchd aidmheil a dheanamh, agus tha so ’na aobhar air móran eas-aonachd ’n an creidimh. Faodaidh an creid’each mar an ceudna lán-rún a chridhe a nochda do DHIA, 1 Sam. i. 15. “Dhoirt mi ’mach m’ anam ann láthair an TIGHEARNA,” Faodai’n creid’each mar an ceudna rannsucha ciod a tha DIA a’ deanamh, co fad ’s a bhios é feumail chum soilleireachd fhaotainn mu mhearachd eigin ann sa bheil é mu shlighe an TIGHEARNA, ni nach ’eil ’na bheachds’ a reir fhocail; mar so bha Iob xiii. 15. “Ge d’ a mharbh é mi, cuiridh mi fhathast mo dhóchas ann: ach coimheadi mi mo shlighe fein ’n a láthair.” Tha ’n creid’each ’na charaid díleas ann san t seadh so, air dha fios a bhi aige ciod a tha am Maighstir a’ deanamh. Faic. Gen. xviii. 23, &c. Jer. xii. 1. Isa. lxiii. 17. Faodai ’n creid’each mar an ceudna bhi dána ri DIA, gu dol d’a ionnsui gu laitheil le mhearachdan agus le chionta, agus aithreachas, maitheanas, agus síth iarrui trid * tagradh CHRIOSD, Gniomh. v. 31. “Easan dh’ árduich DIA le a dheas-laimh ’na Phrionnsadh agus ’na Shlanui’-fhear, a thoirt aithreachas agus maitheanas peacai do dh’ Israel,” 1 Eoin ii. 1. “Ma pheacaicheas neach air bith, tha Fear-tagraidh againn maille ris an Athair, IOSA CRIOSD am fírean.” O cia minic a dh’ fhaodas an creid’each ann an aon latha * Eadar-mheadhonaireachd [TD 166] maitheanas a thagra ’n a pheacai, mar ’eil é ’n a rún fanoid a dheanamh air DIA, no grás a thionnda gu macnus! Dh’ órduich TRIATH na beatha do dhaoine maitheanas a thoirt seachad deich agus tri fichead seachd uairean san aon latha, agus thug é comhada seachad ann sin ann an cosmhalachd righ áraidh a ghabh cúnntas d’a luchd-muinntir, cia mór is mó na sin a bheir a maighstir fein maitheanas seachd, Mat. xviii. 22,—28. Faodai ’n creid’each mar an ceudna gach ni a bhuineas da o’n leith a muigh earbsa ri DIA, oir tha suim aige do na nithe sin, Mat. vi. 30, 31, 32. “Ma tha DIA mar sin a’ sgeudacha feur na mach-thir,—an é nach mó na sin a sgeudaicheas é sibhse, O dhaoin’ air bheag creidimh? Uime sin na bithibh lán do chúram, a’g radh, Creud a dh’itheas sinn? no ciod a dh’ólas sinn? no ciod a chuireas sinn umainn? oir tha fios aig bhur n Athair neamhui’ gu bheil feum agaibh air na nithe sin uile,” 1 Pead. v. 7. “A’ tilgeadh bhur n uile chúram air, oir tha cúram aige dhibh.” Seadh fós, faodai ’n creid’each air mhodh iriosal DIA a chuir thuige, chum a dheanamh freagarrach iomchui fa chomhair a sheirbheis, chum cómhnadh a dheanamh ris gu toradh iomchuidh a thoirt amach ann sgach ám, eadhoin grás ann ám feuma, Eabh. iv. 16. Seadh, cia mór na nithe a dh’fhaodas na creid’ich iarruidh air IOSA CRIOSD, araon air an son fein agus as leith dhaoin’ eile! 1 Eoin v. 14, 15. “Ma dh’ iarras sinn ni sam bith do reir a thoil, éisdidh easan ruinn,” Eoin xiv. 13. “Ge b’é ni a dh’iarras sibh a’ m’ ainmse, ni mise sin,” Isa. xlv. 11. “Feóraichibh dhiom-sa nithe ri teachd mu thimchioll mo chloinne, agus mu [TD 167] thimchioll obair mo lámh iarruibh orm.” Tha é ’na náir’ agus ’na dhochoir ro mhór do phobull DE, nach ’eil iad a’ deanamh barrachd feum do’n cho’-chomunn sin r’an Cruthai’-fhear no tha iad a’deanamh: faodai CRIOSD geur achmhasan dligheach a thoirt doibh, air son nach ’eil iad a’g iarrui ni air bith ’na ainm-sin, Eoin xvi. 24. O na chaidh labhairt, tha é soilleir gur cúis anabharra cud-thromach dleasnas so a chreidimh, leis a bheil duin’ a’gabhail ri IOSA CRIOSD, neach a sheulaich an t Athair, ’s a thug é mar chúmhnant do’n phobull. Tha é co luachmhor do DHIA, a’ co’-fhreagra d’a cheart rún, ga lán riarach ann dealbh ’s am foillseach an t soisgeil; agus tha é cho prodhaiteach fheumail do dhaoine, ’s gu bheil Satan le innleachdan seólta agus cridhe aingidh mi chreid’each gu ro chumhachdach dian a’ cuir ’na aghai, le bhi brosnucha gach * cunnuil ’s gach ceap-tuislidh a tha ’na chomas ann rathad na muinntir leis am b’ áill gabhail ris. Ainmichi mi cuid do na cunnuilibh is ro-ghnáthaichte. CAIB. V. Cunnuile air an tarruing o dhroch-thoillteannas duine, agus o uamharrachd a pheacaidh, air am freagra’. Cunn. THA mi co sgreitidh, ghráineil, mhi-naomha, neo-luachmor dhiom fein, sgur é air leam gu’m b’ann-dánadas ro mhór dhomh gnothach sam bith a ghabhail ri IOSA CRIOSD, no ris an t slaint’ a choisinn é gu ro dhaor le fhuil phríseil fein. Freag. ’S ni cinnteach gu bheil sliochd Adhamh uile ro ghráineil neo-luachmhor am fianuis DE, * objection [TD 168] a tha cuir amaideachd as leith nan aingeil, Iob iv. 18. “Tha na h uile chinneach ni ’s lugha na neo-ni, agus diamhanas ’na láthair,” Isa. xl. 17. Tha DIA nam feart co an-árd os cionn dhaoine, ’s mar dealbhadh é o shaor thoil fein innleachd luachmhor chum peacaich a shábhala, gu’m b’ann-dánadas ro mhór do dhaoine no dh’ ainglibh a smuainteacha, gun irioslaicheadh an DIA bha ann o shiorruitheachd é fein cho mór, ’s gu ’n gabhadh é riochd seirbheisich air fein, ’s gu’n gabhadh é ar nádur-ne, ’s gun dlú-cheangladh é ris an Diadhachd bheannuicht’ é le aonachd phearsonta: agus gun úmhlaicheadh sé é fein do bhás mallach na croiche; agus so uile, chum ’s gum biodh daoin’ a bha ’n an luchd-ceannairc, air an deanamh réidh ri DIA, ’s gum biodh iad air an deanamh lán shona, le chuideachda bheannuicht’-san a mhealtuinn gu saoghal nan saoghal. Ach tha mi ’g radh, gu’m b’é ’n t iomlan d’eth sin innleachd ’s a shaor thoil fein; seadh, os-barr, mar iarradh an TIGHEARNA DIA gu h árd-uachdranach air daoine iad a ghabhail ris fein ann agus trid CHRIOSD, Isa. lv. 1, 2, 3. Mat. xi. 28. 1 Eoin iii. 23. 2 Cor. v. 20. cha bhiodh dánadas aig duin’ air bith na dheanadh feum do dh’innleachd DHE chum peacaich a shábhala. Air an aobhar sin ma’ta, ge d’ a their mi mar thuirt Abigail, “Gar am bi mi ach a’ m’ sheirbhiseach chum cosan luchd-muinntir mo Thighearn’ ionnlad,” 1 Sam. xxv. 41. gidheadh do bhri’ gun do dhealbh easan ’na naomh ghliocas neo-mhearachdach fein an doigh sin chum peacaich a shábhala, ’s gu bheil dearbh fhios aige cionnas a bhios é air a ghlóruch ann, Eph. i. 18, “Air do [TD 169] shúilibh bhur n inntin bhi air an soillseacha, chum fios a bhi agaibh—creud é saibhreas glóir’ oighreachd-san ann sna naoimh;” Eoin xvii. 10. ’S leatsa na h uile nithe is leamsa, ’s is leamsa na nithe is leatsa, agus tha mi air mo ghlóruch ionnta;” agus dh’ áithn’ é dhomh, mar bhios mi freagarrach dhá-san air chionn latha a mhór chúnntais, gabhail ris fein ann CRIOSD, mar tha é air a’radh; ’s cha’n ’eil a chridhe agam a dhiúlta, no idir aobhair innleachd agus iartas a rannsucha no fheóraich; ach ’s eigin domh cuid mo chunnairt a ghabhail do’n chúis, mar nach b’áill leam bhi air m’ fhaotainn a’cuir “ann aghai grás DHE,” Gal. ii. 21. agus ann an seadh a’mealladh an t soisgeil ’na dhóchas, ’s a’breugacha na fianais a thug DIA air a Mhac, gu bheil beatha na leoir ann do dhaoine,” 1 Eoin v. 10, 11. “’s mar sin DIA a dheanamh ’na bhreugoire,” ’s a cheannairc sin a chuir a dh’ann-tromacha gach peaca d’ an raibh mi ciontach san ám a chaidh seachad. Cunn. Tha mis’ a’ m’ pheacach ro shonraicht’, os cionn gach aon neach eil’ is aithne dhomh; uime sin cha’n ’eil a chri’ agam bagradh air dlúthacha ri CRIOSD, no idir dearcadh air an t slainte sin a tha trid fhíreantachd-san. Freag. A ’bheil do pheaca ni ’s mó na meisg agus cól Lot; adhal’tras Dhaibhi air fholach le mortadh; iodhal-aodhraidh agus tuiteam gu h uabhasach o’n chreidimh mar rinn Solamh; iodhal-aodhrai, mort’, agus buitseachd Mhanasses; fearg ann aghai DHE, agus a shlighe, ann Jonas; áicheadh CHRIOSD ann am Peadar, ann déis d’a rabhadh fhaotainn roi’-laimh, ’s a mhionnacha nach deanadh sé é; geur-leanmhuinn fhuilteach [TD 170] Phóil, a’co’-éigneacha nan naomh gu blaisbheum a labhairt, &c. ach ’s an-aoibhein dhá-san d’an d’thoir na nithe sin a tha air an cuir sios san sgriobtuir misneach chum peaca chuir ann gniomh, agus sann a tha iad air an ainmeacha san ionad so, a mholadh saor ghrás an Uile-chumhachdaich, ’s a thoirt misneach do pheacaich aithreachail thruagh, gu teiche dh’ionnsui CHRIOSD. Tha mi ’g radh, a’bheil do pheacadh-sa ni’s ann-trom no iad sin a chaidh ainmeacha? Gidheadh fhuair iad sin uile maitheanas trid fuil ioc-shlaintich an t Slanui’-fhear, mar tha’n sgriobtuir a’nochda. Uime sin biodh fios agad, gu bheil gach peaca co’-ionann ann láthair saor ghrás DHE, a tha ’grádhacha gu saor Hos. xiv. 4. ’s nach ’eil a’ gabhail suim do pheaca sam bith. Ma tha duine toileach tighinn d’a ionnsui’-se trid CHRIOSD, ann sin tha easan lán chomasach air a shaoradh gu nuig a chuid is faide, Eabh. vii. 25. Seadh, ’s mó an cámpar le DIA, mar gabh duine ri CRIOSD ’n uair a theid a thairgse dhá, na gach peaca riamh roimhe gan raibh é ciontach; oir “an ti nach creid, rinn é DIA ’na bhreugoire, do bhri nach creid é an fhianais a thug DIA mu thimchioll a Mhic,” 1 Eoin v. 10, 11. “Agus bithidh an ti nach ’eil a’creidsinn air a dhíte, air son nach do chreid é ann ainm Mhic DHE,” Eoin iii. 18. ’s é sin an t aon ni áraid mu ’m bi é air a dhíte, eadhoin nach ’eil é creidsinn ann ainm Mhic DHE. Air chor ’s nach gabh meud a pheacai leith-sgeul duine, ma chuireas é cúl ri CRIOSD, ’s mar gabh é r’a thairgse, o’n a nochd DIA gu ro fhollaiseach, gur “fior an rádh so, agus gur fiu é air gach aon chor gabhail ris, gun d’thainig IOSA CRIOSD do’n t saoghal a [TD 171] shábhala pheacach; air a’bheil agamsa toiseach.” Tha é fiachaicht’ air an ti sin a tha eadhoin ni’s ciontaiche ’na bharail fein na tha aon neach eile, an radh so a chreidsinn agus gabhail ris, 1 Tim. i. 15. Cunn. Tha nithe eigin ro ann-trom ann am pheaca fein a bharrachd air na tha ’s na ceart pheacanna ceudna ann daoin’ eile, a tha cuir móran uamhuinn orm. Freag. Ciod an nithe ann-trom a dh’fhaodas a bhi ann a’d’ pheacanna fein, nach ’eil an co ann-trom uamhorr’ air an cuir sios ann sna h eisimpleiribh roi’-ainmichte? A’bheil do pheacadh ann aghai mór sholuis? ’S coltach gur amhuil a bha móran do na dh’ainmich sinn roimhe. An raibh do pheacadhs’ ann aghai trócairean agus teasraigin shonruichte? ’S amhuil a bha meisg Lot agus Noe. An raibh do pheacadhs’ air a chuir ann gniomh le mór mheóraich air a chúis roi’-laimh? ’S amhuil a bha peaca Dhaibhi, ’n uair abha é sgriobha na litreach ann aghai Uriah. An raibh é ’n déis dhuit foillseacha sonruicht fhaotainn air DIA? ’S amhuil a bha peaca Sholamh. An raibh é air a chuir ann gniomh tre bhuaire faoin suarrach? ’S amhuil a bha peaca dh’Ionas, agus Pheadair, ma bheir sinn fainear uamhorrachd an cionta. ’N do chuir thu ’m peacadh ann gniomh a rithist agus a rithist? ’S amhuil a rinn Lot, ’s amhuil a rinn Peadar, ’s amhuil a rinn Jehosaphat, ’n uair a chaidh é maille ri Ahab agus ri Jehoram, 1 Righ. xxii. 2 Righ. iii. A’bheil ioma peaca gráineil ann-trom a’ co’-aontacha r’a chéil’ ionnad? ’S amhuil a bha ann am Manasses. ’N do sheas’ thu fad amach ann an ceannairc? ’s amhuil a rinn an gaduich air [TD 172] a chrois; sheas é amach gu h ann-dána gun airm cheannairc a leagadh gus an deo mu dheire, Luc. xxiii. 42, 43. Ma tha fhathasd cluas agad chum éisdeachd, tha órdugh agad éisdeachd, Mat. xiii. 9. Ge d’ a chosd thu ré úin’ fhada t airgiod air son an ni sin nach aran, Isa. lv. 1, 2. tha ’n tuille feum agad anois’ air cabhag a dheanamh, agus teiche chum tearmuinn; ’s ma ni thu mar sin, gabhaidh é riut gu criodhail fáilteach, ’s cha tilg sé air chor sam bith a mach thu, Eoin vi. 37. gu h áraid, o nach do shúnraich é air tiom shuidhichte san sgriobtuir. Ionnas nach gabh uamhorrachd do pheacai do leith-sgeul gun ghabhail ri tairgse ghrásmhor an TIGHEARN’ agus an t Slanui’-fhear IOSA CRIOSD. Cunn. Cha d’ ainmich thu na nithe sonraichte d’a bheil mise ciontach, ann sgach eisimpleir a dh’ ainmich thu: ’s cha ’n fhiosrach mi gun d’fhuair aon neach riamh trócair ann láthair DHE, a bha ciontach do shamhuil na nithe d’a bheil mise ciontach. Freag. Tha é cruaidh amas air gach peaca sonraicht a dh’ fhaodas triobluid a chuir air a choguis; seadh, faodai peacaibh is lugha na cuid do na dh’ ainmich mi, móran mi-shuaimhneis a thoirt do dhuine, ma dh’fhadas an TIGHEARNA DIA an teine ’s mu lasas é suas coinneal na coguis. Ach a chum misneach a thoirt duitse, ainmichi mi cuid-eigin do dhearbh-fhírinn an sgriobtuir, a dh’fhaodas mor mhisneach a thoirt duit, ’s leis am faic thu gu soilleir gu bheil maitheanas a’ d’thairgse: chum na críche sin thoir air dhúrachdach do na nithe so a leanas, Exod. xxxiv. 7. “Tha DIA a’maitheadh aingi’eachd cionta agus peac- [TD 173] adh,” ’s é sin, gach seórta peacaidh, Esec. xviii. 21, 22, 30. “Ma philleas duine o uil’ easontas, cha chuimhnichear ni’s mó dha iad, ’s cha mhó bhios iad ’n an aobhar sgrios dá,” Eoin vi. 37. “An ti a thig, cha tilg sé air chor sam bith a mach e;” ’s é sin, cia ann-trom air bith a bha a pheacanna, Eoin. iii. 16. “Ge b’é neach a chreideas gheibh easan a bheatha mhaireannach;” ’s é sin, gun choigleadh air peaca sam bith, Eabh. vii. 25. “Tha é comasach air a mhuinntir a thig chum DHE trid-sin a shábhala gus a chuid is faide.” Cha ’n ’eil é ’n comas do dhuin’ air bith a lán fhoillseacha ciod é cumhachd DHE, Mat. xii. 31. “Maithear gach uile pheacadh agus blaisbheum do dhaoine;” ’s é sin, nach ’eil seórt’ air bith peacai nach maithear do dh’ aon neach no neach eile, “ach am peacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh.” Tha na h earrannan sin do’n sgriobtuir agus an ion-samhuil a’gabhail a stigh gach seórta peacaidh; air chor, ’s ciod air bith iad do pheacanna, gu’m faod iad bhi air an dughadh amach ann aon do na sgriobtuire roi’-ainmichte, ionnas nach fhaod do pheaca bhi ’na leith-sgeul agad gun gabhail gu grad ri tairgse na síth agus na slainte trid IOSA CRIOSD an t Eadar-mheadhon-’air, o’n a tha lán chomas aig gach neach leis an áill, iad a thighinn ’s a ghabhail ris, Taisb. xxii. 17. Cha labhair sinn móran cainnt: oir dh’áithn’ an DIA mór árd Chruthai’-fhear neamh agus na talmhuinn gu h árd uachdranach do gach neach a tha faicinn am feum air furtachd, iad a dhol gu luath a dh’ionnsui IOSA CRIOSD, agus gabhail gu criodhail treibh-dhireach dúrachdach ri innleachd DHE chum peacaich a shábhala trid-sin [TD 174] a’cuir gach cunnuil agus leith-sgeul os cúl, mar ’s eigin doibh bhi freagarrach dhá-san ann san lá ann san d’thoir é breith neo-chlaon air bheothaibh ’s air mharbhaibh, ’s am fuadaich é iadsan uil’ as a láthair aig a bheil do dhánadas a’radh, gun raibh am peaca ’s an staid air dhoigh, ’s nach raibh chri[?] ac’ earbs’ a dheanamh a fíreantachd iomlan CHRIOSD chum furtachd a thoirt doibh, ge d’ a dh’ iarr an TIGHEARNA gu minic agus gu ro dhúrachdach orra gabhail ris agus earbs’ a dheanamh as, ’s ge d’ a bha fhíreantachd ann an seadh air a’ceangal d’ an taobh. CAIB. VI. Mun pheacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh. Cunn. THA mi fui’amharus gu bheil mi ciontach do ’n pheacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh, ’s leis a sin gu bheil é ea-comasach dhomh maitheanas fhaotainn; ’s air an aobhar sin cha ruig mi leas smaointeach air creidsinn ann IOSA CRIOSD chum m’ anam a shábhala. Freag. Ge nach cóir do neach air bith am peaca so a chuir as an leith fein, no idir as leith dhaoin’ eile, ni’s lugha na tha iad lán mhurrach air a chúis a dhearbha gu soilleir a reir eisimpleir CHRIOSD, Mat. xii. 25, 26, 32. gidheadh chum daoin’ a chuir as an teagamh, nochdai mi 1. Creud é nach ’eil ’na peacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh, do bhri’ gu bheil cuid do pheacaibh ro ghráineil ann-trom ann a tha’n sluagh gun bharantas air bith a’gabhail ann riochd a pheacai so ann snach faighear maitheanas. 2. Nochdai mi ciod é ’m [TD 175] peacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh. 3. Co’-dhunai mi ’n t iomlan le fóghnadh iomchuidh a dheanamh mar fhreagra do ’n chunnuil. ’S é cheud ni a chuir sinn rothainn a nochda, Gu bheil ioma peaca ro ann-trom ann, ge d’ a tha iad, mar tha gach peacadh eile, ann aghai ’n Spioraid Naoimh, a tha ’na DHIA co’-ionann ris an Athair agus ris a Mhac, agus air an cuir ann gniomh ann aghai’ cuid eigin d’a oibreacha ’s d’a ghluasad; gidheadh cha ’n iad sin “am peacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh,” ni is é am peacadh ann snach faighear maitheanas. 1. Cha ’n é bhi labhairt blaisbheum ann aghai DHE fui’ dhórainn chorporr’ am peaca so; oir bha cuid eigin do na naoimh ciontach dh’eth so, Gniomh. xxvi. 11. “Agus rinn mi peanas orra gu minic ann sgach sionagog, agus cho’-éignich mi iad gu blaisbheum a labhairt:” ni’s ro lugha na sin bhi labhairt blaisbheum ann aghai DHE ann lasan cuthaich no air mhi-chéill, oir ni bheil duine ’na shaor mhaighstir air fein san ám sin; agus an “ti a chaomhnas a phobull, mar chaomhnas athair a mac a lán riaruicheas é,” Mal. iii. 17. ’s a ghabhas mór thruas dhiubh-san air am bi eagal, mar ghabhas athair truas d’a chloinn,” Salm ciii. 13. ’s amhuil a tha é caomhna ’s a’ gabhail truas do dhaoine ’s na breislichibh sin, oir ’s amhuil a dheanadh ar n aithrichean a reir na feola, nan labhramaid blaisbheum ’n an aghaidh ann lasan feirge. Cha mhó is iad blaisbheum uabhasach ann aghai DHE, a bhios a’tagradh air an anam, ’s nach faigh caidreamh san áite sin, am peaca so ann snach faighear maitheanas; oir bha ’n leithidin sin air an tairgse do CHRIOSD, Mat. iv. ’s tha iad gu minic a’tagradh air na daoine diadhui. [TD 176] 2. Cha ’n é bhi toirt fuath do’n mhaith ann an cách, ’n uair nach ’eil mothach agam gu bheil é maith, ach am bharail fein ga mheas olc; seadh, cha ’n é bhi labhairt ’n a aghai, no ga gheur-leanmhuinn sa chás sin, am peacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh; oir bha gach ni dhiu sin ann am Pól mun raibh é air iompacha, agus fhuair é maitheanas, a chionn gun d’rinn sé na nithe sin gu h ain-eolach. 3. Cha ’n é gluasad cridhe ri soirbheacha dhaoin’ eile ann obair ’s an slighe DHE, ’n uair tha mi toirt spéis dha ionnam fein; seadh, cha ’n é gluasad cridhe ann aghai freasdail DE, a tha gu minic ga nochda fein ann aghai ’n an creatuirean is faigse dhuinn, (ge d’ a tha iad ’n an nithe ann-trom uabhasach a’treórach a dh’ionnsuidh a pheacai sin ann snach faighear maitheanas) am peacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh; oir faodai na naoimh bhi ciontach do na nithe sin, a’sruthadh o fhein spéis, nach fuiling gum buadhaich neach eil’ orra, agus o chámpar eigin ’n an iodhal ann teas buairidh. Bha chuid bu phailte dh’eth so ann an Jonas, Jon. iv. 4. Ni mó is é dhuine bhi dol air ais o’n staid ann san raibh é aon uair a thaobh diadhachd, agus tuiteam ann am peacaibh ro ann-trom uamhorr’ ann aghai soluis, ann déis da gabhail ris an fhírinn, am peaca so ann snach faighear maitheanas; oir bha Solamh, agus eaglais Chorinth, agus Ghalatia ciontach dh’eth sin. Cha mhó is é áicheadh, no idir mionnach ann aghai dearbh-fhírinn fui’ mhór bhuaireadh, am peaca so, oir nam b’é bha Peadar caillte. 5. Ni mó is é cuir ann aghai, no cámpar a chuir air Spioraid DHE le ioma doigh pheacach, [TD 177] am peaca sin; oir tha so air a chuir as leith na muinntir sin a tha air an gairm chum aithreachas san sgriobtuir, ’s cha ’n ’eil iad air an druideadh amach mar gu’m biodh iad ciontach do’n pheacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh: ni mó is é bhi cuir peacai ’n gniomh a rithist agus a rithist ann aghai soluis, am peaca so, ge d’ a tha é treóracha da’ ionnsuidh; oir ’s amhuil a bha cionta Pheadair le CRIOSD áicheadh; ’s amhuil a bha peaca Jehosaphat ’n uair a chaidh é le Ahab agus le Jehoram. 6. Ni mó is é rún agus oirpean chum * fein-mhilleadh, ’s a chum daoine diadhuidh a mhilleadh, am peaca so, air dhoibh bhi ann teas anabarrach buairidh; no idir fein-mhille’, (ge d’ a tha é gu bitheant’ a bhri coltais ann co-chuideachd a pheacai so ann snach faighear maitheanas, ni bu choir a thoirt air gach anam amharc le fuath agus le sgreamh air gach ni a bhios a’brosnucha d’a ionnsuidh) am peacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh. Bha é ’n rún fear-coimhead a phriosuin e fein a mhilleadh, air son aobhar bu mheasa na tha ioma duine bochd a’deanamh, le mothacha bhi ac’ air fearg an TIGHEARNA DIA, ’s air am peaca ’s air an ro thruailli’eachd fein; gidheadh fhuair fear coimhead a phriosuin maitheanas ’n a pheacaibh agus ’n a oirp, Gniomh. xvi. 27, 34. Agus bha Pól roi’ a ghairm éifeachdaich ’na iompaidh air móran do na naoimh a chuir gu bás, agus bha é ’na rún an diola ceudna a thoirt air tuille dhiu, mar tha é fein a’g aideacha, Gniomh. xxvi. 9, 10, 11, 12. Ge d’ a tha iad sin ’nam peacaibh ann-trom uabhasach, gach aon diu a’toilltinn fearg bhith-bhuan an Uile-chumhachdaich, ’s mar gabhar aithreachas dúrachdach dhiubh, bheir iad dioghaltas [TD 178] neo-chriochnach air an duine bhios ciontach dhiú gu h áraidh tha fein-mhurt’ a’toirt air falbh gach dóchas ri fuasgladh fhaotainn, athaobh aon ni ris an ion fiuthair a bhi air doigh ghnáthaichte; gidheadh cha ’n iad a h aon diu sin am peacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh ann snach faighear maitheanas: ionnas gu bheil dóchas dhá-san a tha ciontach do dh’aon air bith dhiu sin, ma tha aige cluas chum fuaim aoibhneach a chúmhnant a chluinntin. Faodar maitheanas fhaghail ’n an samhuil sin uile do pheacaibh ’s do bhlaisbheumaibh, mar tha é soilleir san sgriobtuir, far a’bheil na nithe sin air an ainmeacha. SAN dara h áite, Faiceamaid ciod é ’m peacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh. Cha ’n é aon ghniomh peacaidh é, ach ni tha air a dheanamh suas do dh’ ioma droch-bheairt, a tha gu bitheant’ a’ cuibhreach an anma ’s a chuirp ann an cionta. Tha sinn ’ga chuir sios air a mhodh so: “’S é sin bhi cuir cúl agus cuir ann aghai fírinn an t soisgeil, agus slighe na slainte, tha air a dhearbha gu ro shonruichte do dhuine le Spiorad DHE, ann am fírinn agus maith na slighe sin; agus sin a dheanamh gu follaiseach, saor, toileach togarrach, mí-runach, agus gu tarcuiseach, a’ tármach eagal ea-dóchasach, an-earbsach.” Tha tri earrannan do’n sgriobtuir a tha labhairt gu ro shoilleir m’an pheaca so; agus uatha sin dearbhai sinn gach earran do’n chúnntas so mu thimchioll, co fad ’s a bhios é feumail do ’n chúis tha againn san ám so mu laimh; leis am bi é soilleir, nach ruig aon neach aig a’bheil déigh air CRIOSD, a leas mi-mhisneach a ghabhail o na bheil air a labhairt mun pheaca so san sgriobtuir. Faic. Mat. xi. 23,——32. Eabh. vi. 4, 5, 6. Caib. x. 25,—29. [TD 179] AIR thús, Ma’ ta, Thugamaid fainear an cusbair mu thimchioll a’bheil am peaca so ’ga chuir ann gniomh, agus ’s é sin fírinn áraid an t soisgeil, agus slighe na slainte; a tha araon a’ cialluch an aon ni. ’S é sin an doigh a dhealbh DIA chum peacaich a shábhala trid IOSA CRIOSD, am Messias agus an Slanui’-fhear a bha air a ghealltuin, leis a’bheil daoine ri bhi air an sábhala trid a bháis agus fhíreantachd-san, mar a nochd é ann sna h órduighibh, a’daighneach an ni sin fein le iomadh oibribh cumhachdach, a tha air an cuir sios san sgriobtuir. ’S é slighe so na slaint’ an cusbair. Chuir na Pharaisich ann aghai so, gu’m b’é CRIOSD am Messias, Mat. xii. 23, 24. “Agus thuirt am pobull uile, Nach é so Mac Dhaibhi? Ach an uair a chuala na Pharaisich so, thuirt iad, Ni bheil am fear so a’tilgeadh amach dheamhan, ach trid Bheelsebub prionnsa nan diabhol.” Bha ’n dochoir so air a dheanamh ann aghai Mhic DHE, Eabh. vi. 6. “’S éa-comasach an ath-nuadhach a rithist chum aithreachas, do bhri’ gu bheil iad a’ ceusa’ Mac DHE a rithist dhoibh fein, ’s ga chuir gu náire fhollaiseach;” ’s ann aghai fuil a chúmhnant, agus ann aghai’n Spioraid a tha air mhodh grásmhor a’tairgse na nithe sin a cho’-chur ri daoine, Eabh. x. 29. “Cia mór is measa na sin am peanas a shaoileas sibh, air am measar easan toilltinneach, a shaltair fui’ chosaibh Mac DHE, ’s a mheas mar ni mi-naomha fuil a chúmhnanta leis ’n do naomhaicheadh é, ’s a rinn tailceis air Spiorad n’an grás?” 2. Ann sa chúnntas so, thugaibh fainear buaidh a chusbair so. Tha é gu soilleir air a dhearbha dhoibh le Spiorad DHE, araon a thaobh fírinn [TD 180] agus maith na slighe sin. Tha so a’ ciallucha, 1. Gur eigin bhi eólach mun fhírinn agus mu shlighe na slainte. Bha dearbh-fhios aig na Pharaisich gu’m b’é CRIOSD an t oighre, Mat. xxi. 38. “Ach ’n uair a chunnaic iad a Mac, thuirt iad eatorra fein, ’S é so an t Oighre, thigibh marbhamaid é.” Tha lán eólas aca, Eabh. x. 26. “Oir ma pheacaicheas sinn le ’r lán-toil ann déis duinn eólas na fírinn fhaghail, ni ’m fágar tuille dhuinn iobairt air son peacai.” 2. Cha ’n fhothainn an t eólas sin air a chúis a bhi sa cheann amháin, ach ’s eigin do cháil-eigin do chinnt’ uime a bhi ann sa chridhe. B’ aithne do CHRIOSD smuainte nam Pharaiseach, Mat. xii. 25. ’s mar sin thug sé breith orra, ’s bha ceart atharrach an ni bha iad a’labhairt air a dhearbhadh gun raibh iad ’ga smuainteacha ’n an cridhe. Tha blasad ann a tha os cionn foillseacha gnáthaichte, Eabh. iv. 4, 5. “Oir ’s ea-comasach a mhuinntir sin a chaidh aon uair a shoillseacha, ’s a bhlais an tiodhlac neamhui, ’s a rinneadh ’n an luchd co’-pairt do’n Spiorad Naomh, ’s a bhlais deadh fhocal DE, agus cumhachdan an t saoghail a tha chum teachd.” Seadh, ’s bitheanta leis urrad dhearbhai bhi air a chúis ’s a threóraicheas gu móran naomhaich o’n leith a muigh, Eabh. x. 29. “A mheas mar ni mi-naomha fuil a chúmhnant, leis ’n do naomhaicheadh é.” 3. ’S eigin do’n lán dearbha so a bhi ni h é amháin air fírinn na cúise, ach mar an ceudna air a mhaitheas. Tha mhuinntir “a’ blasad deadh fhocal DE, agus cumhachdan an t saoghail a tha chum teachd,” Eabh. vi. 5. ’s tha iad a’meas gur aithrigh é bhi air a thagha ’s air a roighneacha. 4. Ni h ann amháin le neart arguin a tha ’n lán-chinnte so air [TD 181] a dhearbhadh, ach mar an ceudna le obair soillsiche Spiorad DHE, a’ dealradh air an fhírinn, ’s ga dheanamh soilleir; ’s ann air son an aobhair sin a theirear peacadh ann aghai ’n Spiorad Naoimh ris a pheaca so, Mat. xii. 31. Marc. iii. 29. Tha é air a rádh gun d’rinneadh an aitim sin “’n an luchd-co’-pairt do’n Spiorad Naomh,” Eabh. vi. 4 ’s gun “d’rinn iad tailceis air Spiorad na’n grás,” Eabh. x. 29. a bha ro dhlú do dh’obair ghrásmhor oibreach ionnta. 3. Ann sa chúnntas so, thugaibh fainear oibreacha na páirtidh ann aghaidh a chusbair a tha mar sin air ullacha. ’S é sin cúl a chuir ris agus cuir ’na aghai, ni tha ciallucha, 1. Gun raibh é aon uair air dhoigh eigin aca, na air a chuid is lugha, gun raibh é ’n an tairgse, mar tha é fior mu na Pharaisich. 2. Gu bheil iad a’cuir cúl, eadhoin le táir, ris na bha aca dh’eth, no ris na bha ’n an tairgse. Tha na Pharaisich ga áicheadh, ’s a’ labhairt gu tárail mu CHRIOSD, Mat. xii. 24. “Ni bheil am fear so a’tilgeadh amach dheamhan, ach tre Bheelsebub prionnsa nan diabhol.” Tha iad a’tuiteam air falbh, chum CRIOSD a chuir gu náire fhollaiseach, Eabh. vi. 6. 3. Tha na daoine g’ an cuir fein ’na aghai le spiorad na geur-leanmhuinn, mar rinn na Pharaisich a ghná. Tha iad a’ labhairt cainnt thárail ’na aghaidh; uime sin theirear “blaisbheum ann aghai ’n Spioraid Naoimh ris,” Mat. xii. 24, 31. Cheusadh iad IOSA CRIOSD a rithist nam biodh é air chomas doibh, Eabh. vi. 6. ’S eas-cairdean iad, Eabh. x. 27. 4. Thugaibh fainear buaidhean an oibriche so, 1. Tha é follaiseach, ’s é sin, gun bhi ’g iarruidh a chleith. Tha na Pharaisich a’labhairt gu fol- [TD 182] laiseach ann aghai CHRIOSD, Mat. xii. 24. Bu mhiann leo CRIOSD a chuir gu náire fhollaiseach, Eabh. vi. 6. Tha iad a’ tréigsinn nan órduighean a tha air a thaobh, Eabh. x. 25. ’s a’ cuir a chunnairt ann neo-shuim; oir ann dúil ri fearg an Uile-chumhachdaich, tha iad a ghná a’deanamh dimeas air an fhuil sin, Eabh. x. 27, 29. 2. Tha ’n aitim a’g oibreacha le ’n saor thoil fein. Cha’n ann o chion toirt fainear a tha iad ris, na idir gu bheil iad air an co’-éigneacha d’a ionnsuidh, ach sann a tha iad ’ga chuir ann gniomh le’n saor thoil fein; cha do bhrosnuich ni air bith na Pharaisich gu labhairt ann aghai CHRIOSD agus a gheur-leanmhuinn. Tha iad “ga cheusa dhoibh fein,” tha iad a’g ath-chuir ann gniomh am murta fein thoileil, gun neach air bith ’g an co’-éigneacha da ionnsuidh, Eabh. vi. 6. Tha iad a’peacacha le’n saor thoil, Eabh. x. 26. 3. Tha é air a chuir ann gniomh le’n lan-toil. Tha iad cho suidhicht’ air a dheanamh, ’s nach gabh iad os laimh le tairgse sam bith gun a chuir ann gniomh, mar tha é soilleir o na h earrannan roi’-ainmichte do’n sgriobtuir. 4. Tha é air a chuir ann gniomh gu gamhlasach mi-runach, air chor ’s nach ’eil ach a chuid is lugha dheth a’ sruthadh o bhuaire chum toil-inntin, buannachd, no onoir. Ni mó is ann o eagal, o neart, no idir o chrioch mhaith air bith a tha é a’ sruthadh; ach o ghamhlas-cridhe ann aghai DHIA nam feart ’s a Mhic ghrádhaich IOSA CRIOSD, agus ann aghaidh árduch a ghlóir agus a rioghachd: air chor ’s gu’r ann do cheart ghné peaca Shatain a tha é, aig a’bheil fuath mí-runach neo-chriochnach do DHIA, agus do dh’íoc-shlaint a pheacai, do bhri’ gu bheil glóir DHE air árducha d’a thaobh. Tha so ’na ni ro áraid [TD 183] ann sa pheaca so. Tha na Pharaisich ciontach do * mhiosguinn-cridhe ann aghai CHRIOSD, chionn gun do labhair iad air an doigh sin ’na aghai, ’s ni h ann ann aghai ’n cloinne fein a bha tilgeadh a mach dheamhan; agus ’s é so neart arguin CHRIOSD; “Ma tha mise trid Bheelsebub a’ tilgeadh amach dheamhan, trid co bheil bhur clannsa ’g an tilge ’mach?” Mat. xii. 27. Tha iad a’ dol g’ an dú-lan chum CRIOSD a cheusadh as úr, ’s gu thoirt chum náire fhollaiseach, Eabh. vi. 6. Tha iad ’n an eas-cairdibh coltach ris an diabhol, Eabh. x. 27. 5. Tha é air a chuir ann gniomh gu tarcuiseach. ’S eigin do’n ghamhlas é fein a nochda. B’ eigin do na Pharaisich fhoillseacha gun raibh comunn aig CRIOSD ri deamhain, Mat. xii. 24. B’ eigin a chuir gu náire fhollaiseach, ’s a cheusadh a rithist, Eabh. vi. 6. B’ eigin doibh an fhuil sin a shaltairt fui’n cosaibh, agus tailceis a dheanamh air an Spiorad, Eabh. x. 29. Air chor ’s gu’m b’ fhearr leis a mhuinntir sin dol a mugha míle uair, na dol ann eiseamail CHRIOSD air son slainte. ’S é ’n ni mu dheireadh ann sa chunntas mu thimchioll a pheacai so, an ni is bitheant’ a bhios ’na cho’-chuideachd; tha é tármach eagal an-earbsach ea-dóchasach. Tha eagal aca roimh-san is fuathach leo, le eagal tráilleil ea-dóchasach, mar tha aig deamhain, Eabh. x. 27. “Dúil eagalach ri breitheanas agus fearg theinnteach, a sgriosas an t eas-caraid.” Tha dearbh-fhios aca gu ’n cuir DIA a chumhachd ann gniomh ’n an aghai; ’s tha iad air bhall-chrith ’n ám cuimhneach air, ’s nam bu chomas doibh lamh ’n uachdar fhaotainn air, agus a sgrios gu tur, ’s é tha iad a’ miannucha; ’s o nach urrain iad ruigheachd * mhi-run [TD 184] air sin a dheanamh, tha iad a’toirt fuath dhá le mór mhiosguinn-cridhe, ’s a’ deanamh geur-leanmhuinn le tailceis air TRIATH nam feart, ’s air gach ni a bhuineas dá. ’S é ’n treas ni a chuir sinn rothainn, an co’-dhunadh a b’ iomchuidh a tharruing o na chaidh labhairt, leis an labhair sinn air ball ris a chunnuil. 1. Mar a nochd mi roimhe, o’n a tha ’m peacadh ann aghai ’n Spioraid Naoimh cho suaitheanta, ’s gu ’m faodar aithneacha gu soilleir far a’bheil é, cha chóir do neach air bith a chuir as an leith fein, mar ’eil iad lán-mhurrach air a chúis a dhearbha gu soilleir; oir ’s dochoir mhór do DHIA, thu bhi cuir am fiachaibh do t anam nach d’thoir easan am feasd maitheanas duit; ’s é sin an aon doigh gu thoirt ort tuiteam ann ea-dóchas, agus do threórach a dh’ ionnsuidh a pheacaidh ann snach faighear maitheanas; uime sin mar ’eil thu lán chomasach air a’rádh, gur fuathach leat an doigh a dhealbh DIA chum peacaich a shábhala, ’s gu bheil thu rúnacha cuir ann aghai soirbheachadh a rioghachd, araon ionnad fein agus ann daoin’ eile, o mhí-run agus tailceis ann aghai DHE, cha chóir dhuit a chuir ann teagamh gu bheil thu ciontach do’n pheaca so. 2. Ciod air bith peaca d’an raibh thu ciontach san ám a chaidh seachad, ma tha thu gabhail aithreachais, ’s ma b’ fhearr leat gu’m biodh é gun deanamh fhathast, ’s ea-comasach dhuit bhi ciontach do’n pheaca so; oir ann sa pheaca so tha mírun-cridhe agus gamhlas do DHIA a’ sior bhuadhacha. 3. Ma tha thu toileach bhi ’na bhuil maith air son maitheanas, ’s gu ’m biodh tu gu ro mhór ’n a chomain air a shon, ann sin cha ’n ’eil é comasach dhuit bhi ciontach do’n pheacadh ann aghai ’n Spioraid [TD 185] Naoimh; oir, mar a nochd sinn roimhe, tha mhuinntir sin a tha ciontach dh’eth air cruadhachadh ann aghai DHE cho mór le fuath mí-runach dha, ’s nach biodh iad fa fhiachaibh sam bith dha ais son an slánuch agus an saoradh o thruaighe shiorruith. 4. Ge b’é ni a rinn thu, ma tha togradh agad ann diaigh CHRIOSD, ’s a’g amharc ’na dhéigh le cridhe goirt, ’s nach dúraig thu dealacha r’a chuideachda bheannuicht’ a chaoidh, na ma’s eigin duit bhi air do sgaradh uaithe, ma’s miann leat gu maith é, ’s ma tha thu ’n rún maith dha fein, ’s do gach ni a bhuineas da, cha ’n ion duit a bhi fui’ amharus gu bheil thu ciontach do’n pheaca sin ann snach faighear maitheanas; oir cha ’n urrain duit na h urrad fhuath a thoirt dha, ’s a tha air iarrui chum am peaca sin a dheanamh suas. 5. M’as miann leat bhi os cionn cumhachd a pheacai sin, ’s a bhi tearuint’ uaithe gu bráth, imich ma’ta agus cuir do chridhe ann suidheach iomchui chum bhi toilichte le slainte trid IOSA CRIOSD, ’s a chum gabhail ri DIA ann-san, ’s a bhi lán-toilichte leis mar an éiric agus an suaimhneas uile-dhiongmhalta, mar bha sinn a’g aslucha roimhe, agus strióchda dha-san chum bhi air do shábhala trid-san. Dean so da ríreadh le d’ uile dhíchioll, agus bithidh tu gu siorruith air do chuir os cionn cumhachd a pheacai sin a tha ro ghráineil duaichni, leis a’bheil an droch spiorad a’cuir geilt-chrith agus oillt air ioma neach a tha gu díchiollach a’g iarrui DHE. [TD 186] CAIB. VII. Cunnuile, air an tarruing o dhiobhail cumhachd gu creidsinn, agus cion tairbhe, air am freagradh. Cunn. GE nach ’eil mi air mo dhruideadh amach o shochair an nuadh cho’-cheangail, gidheadh cha ’n ’eil é ’n comas domh creidsinn ann CRIOSD; oir ’s i creidimh tiodhlaca DHE, agus tha i os cionn cumhachd fuil agus feoil. Freag. Tha é fior gun amharus gu bheil creidimh slainteil, leis a’bheil duin’ amháin comasach air gabhail gu treibh-dhireach dúrachdach ri DIA ann CRIOSD, os cionn ar cumhachd-ne, agus gur tiodhlac o DHIA i, mar a thuirt sinn roimhe: gidheadh thoir fainear, 1. Gun d’fhág an TIGHEARNA DIA é ’na dhleasnas fiachaicht air gach neach a chluinneas an soisguel so, iad a ghabhail gu dúrachdach tre chreidimh ri tairgse na slainte trid CHRIOSD, mar tha é soilleir san sgriobtuir. Agus ’s eigin duit fios a bhi agad, gar a’bheil é ’n ar cumhachd-ne an dleasnas sin a cho’-liona dhinn fein; gidheadh faodaidh DIA gu ceart-bhreitheach ar díte do bhri’ nach ’eil sinn ’ga cho’-lionadh, agus tha sinn gun leith-sgeul againn: do bhri’ gun d’ rinn é air tús an duine lán-chomasach air gach ni a dh’ áithneadh é dhá a cho’-lionadh. 2. Leis mar dh’ áithn’ an TIGHEARN’ an ni so, a tha os cionn ar cumhachd-ne, tha é ’g ar deanamh mothachail air cho neo-chomasach ’s a tha sinn air a dheanamh, agus bu ghean-maith leis gun earbamaid ris fein a chúis oibreach ionnain. [TD 187] Gheall é gun d’ thugadh é ’n cridhe nuadh seachad, ’s cha do dhruid é neach air bith amach o shochair a gheallaidh sin. 3. ’S gná le DIA trid nan iartas agus na’n cuireachan sin, agus trid breithneach agus ath-chuinge dhaoine mu thimchioll na cúise, cumhachd agus neart chum an dleasnas a cho’-lionadh iomchar a stigh do’n anam. Air an aobhar sin, mar fhreagra do’n chunnuil, tha mi ’g asluch ort ann ainm an TIGHEARNA DIA, gu’n gabh thu mór shuim agus cúram d’a áitheantaibh agus d’a gheallaine, ’s gum beachd-smuaintich thu air na nithe sin, ’s air gnothach beannuicht’ an nuadh cho’-cheangail, ’s gun deana tu úrnuigh dhúrachdach ri DIA air an son mar is aithne dhuit; “oir ni easan na nithe sin ma dh’ iarrar air é,” Esec. xxxvi. 37. agus do chridhe fuar reóta a chuir ri innleachd DHE tha air ainmeach ann san sgriobtuir, agus ri IOSA CRIOSD, a tha air a thoirt mar * chúnnradh do ’n phobull, agus geur-bheachdaich air an t-Slanui’-fhear bheannuichte chum beatha fhaotainn, agus t ath-bheothacha. Imich romhad ma’ta, agus oirpich bhi lán toilichte le slighe sin na slainte, air a mhodh air a’bheil DIA ga thairgse, agus gabh ri CRIOSD, agus socraich thu fein air Ceannard do shlainte chum sin a dheanamh, mar gu ’m biodh an t iomlan a’ d’ chomas fein; gidheadh a’ dearcadh air CRIOSD air son au iomlain, air dhuit lán-fhios a bhi agad gur ann uaiths’ is eigin da teachd: agus ma ni thu mar so, cha bhi an ti sin “a tha cómhlacha na h aitim sin a chuimhnicheas easan ’na shlighibh,” Isa. lxiv. 5. fáillneach air a thaobh fein; ’s cha bhi aobhar agad a rádh, gun deach thu air t aghai sa chúis cho fada ’s a bh’ann a’d’chomas gus nach raibh tuille neart agad, ’s gun * chumhnant [TD 188] d’ fhág thu a chúis ann luib DHE. Cha ’n ann idir air a thaobhs’ a bhios an fháillne, ma tha toil agadsa do’n chúis. Seadh fós, ma tha do chridhe a’toirt mór spéis do gach ni air an cual thu riamh iomra man chúis, ’s ma tha thu miannucha cóir a bhi agad air, faodai mi a’rádh, gu bheil é agad cheana air a cho’-lionadh ionnad; air chor ’s gu bheil an cruaidh-chas sin thairis gun fhios duit. Cunn. Tha ioma neach a ghabh ri CRIOSD, mar tha é air a’ rádh, a tha deanamh gnáth-ghearan nach ’eil toradh iomchuidh aca, ni is coireach ri m’ chridhe gun tuill’ earbs’ a dheanamh a dleasnas sin a chreidimh. Freag. Ma tha mothach agad gu bheil creidsinn ann CRIOSD ’na dhleasnas fiachaicht’, mar tha é air a’rádh, cha ’n fhaod thu a shiachadh air son leith-sgeul sam bith. Air son gearan cuid do’n mhuinntir a dhlúthaich ann an cáil ris, (gun a shaoilsinn gu bheil gach aon neach comasach air breith neo-chlaon a thoirt mun toradh agus mun staid) tha mi ’g rádh, 1. Gu bheil ioma neach le’n eúd mu ghrádh DHE, agus trid am mi-chreidimh, ann déis doibh gabhail ri DIA, a tha cuir bacadh air ioma co’-pairteacha ro phríseil, a gheibheadh iad mar mhithe’ na nithe sin, Mat. xiii.58. “’S cha d’rinn sé móran do dh’ oibribh cumhachdach san áite sin air son am mi-chreidimh.” 2. Cha ’n fhaod é bhith, gun d’fhuair aon neach a bha chridhe ann ro-dhéigh air CRIOSD ’na fhásach é, Jer. ii. 31. Gu cinnteach tha iad a’faireachduin ni eigin ’n an cridhe a tha ’g an aoma dh’ ionnsui DHE ann san dá ni mhór so, ’s é sin, Cionnas a gheibhear ann-san iad air chionn an lá sin, Philip. iii. 8, 9. “Seadh, gun amharus, [TD 189] ’s tha mi meas nan uile nithe ’n an calldach air son ro-oirdheirceis eólais IOSA CRIOSD mo THIGHEARNA: air son an d’fhuiling mi call nan uile nithe, ’s tha mi meas gur aolach iad chum ’s gu ’n cosnam CRIOSD, ’s gu ’m faighear ann mi, gun m’ fhíreantachd fein agam, a tha o’n lagh, ach an fhíreantachd a tha o DHIA tre chreidimh:” agus fós cionnas a bhios iad freagarrach d’a chliu ann tir nam beo, Salm cxix. 17. “Buin gu fiúghantach ri d’ sheirbheiseach, chum ’s gu ’m bithinn beo ’s gu ’n coimheadain t fhocal.” Salm lvi. 13. “Nach saor thu mo chos o thuisleadh, chum ’s gu ’n gluaisinn am fianais DE ann solus dhaoine?” Tha iad a’ mothach an dá ni sin gu h árd ann san anam, agus is mór sin. Osbarr, ann diaigh dhoibh a chúis a rannsucha, mu bheir iad breith neo-chlaon, tuigidh iad ionad folamh ionnta fein, nach ’eil nithe saoghalta comasach air a lionadh suas: ’s diomhanas leo gach aon ni, ’s é DIA amháin a tha comasach air an ionad fholamh a tha ’n an cridhe a lionadh; ’s an uair ni easan cáil-eigin do dhrúthadh air, cha bhi feum tuille air co’-fhurtachd fhaghail o nithe saoghalta. Tha so a’g rádh, gun do thog DIA uile smuaintibh an duine, ’s gun do shuidhich é ’n rún slainteil sin ann sa chridhe agus ann san tuigse “Cia ’s DIA ann ach an TIGHEARNA? Thugaibh aodhra dhá, gach uile dhee,” Salm xcvii. 7. Seadh, os-barr, cha ’n áicheun a mhuinntir a ghabh le ’n uile chridhe ri DIA ann CRIOSD, nach raibh bacadh agus beothacha tiomail tráthail ann drást agus a rithist ann, ’n uair bha ’n anam ann cunnart fáillneacha, Salm xxi. 3. “Oir tha thu ga m’ chumail [TD 190] suas le beannucha do mhaitheas,” Salm xciv. 18, 19. “N uair thuirt mi, gun raibh mo chos a’sleamhnucha; chum do thrócair O THIGHEARNA suas mi. Ann lionmhoireachd mo smuaintibh, tha do cho’-fhurtachds’ a’toirt sólais do m’ anam.” Uime sin na h abradh aon neach, nach ’eil toradh sam bith ann co’-chuideachd nan nithe sin; ’s na cuireadh neach air bith dáil ’n an dleasnas air son claon ghearan neo-stéigheil dhaoin’ eile. CAIB. VIII. Mu thimchioll cumhnant a dheanamh ri DIA. Cunn. GE d’ a tha mi meas gur é mo dhleasnas gabhail ri innleachd DHE ann sa cho’-cheangal, tha mi ain-eolach cionnas is cóir dhomh an dleasnas sin a chuir ann gniomh: oir tha DIA air uairibh a’tairgse bhi ’na DHIA dhuinn gun luaidh air CHRIOSD, ’s air uairibh eile tha é ’g rádh, gu ’n ceangail é ris fein sinn; ’s tha sinn ann ionadaibh eile do’n sgriobtuir, air ar gairm chum teachd a dh’ionsui CHRIOSD, ’s gur easan am Fear-nuadh pósda. A rithist, tha DIA air uairibh a’labhairt uime fein mar Athair do dhaoine, ’s air uairibh mar Fhear-pósda; air uairibh theirear am Fear-pósda ri CRIOSD, ’s air uairibh eile Bráthair; ’s air leam nach ’eil gach dáimh dhiu sin ro fhreagarrach d’ a chéile, agus tha na nithe sin ga m’ chumail ann dorchadas cionnas a ni mi greim air DIA, ’n uair bu mhiann le m’ chridhe gabhail ris. Freag. Faodar a’rádh le barantas, gu bheil daoine teachd a dh’ionnsui DHE, ’s a’ gabhail ris, [TD 191] agus tha iad cuideachd a’tighinn a dh’ionnsui CHRIOSD, ’s a’gabhail ris. Faodar a’rádh gun d’ thig iad fui’ dhaimh-pósaidh ri DIA, agus ri CRIOSD mar an ceudna, neach a tha ’na Fhear-pósda, ’na Athair, ’na Bhráthair &c. dhoibh; ’s cha ’n ’eil na h urrad dhiomhaireachd ann so ’s a tha móran daoin’ a’ breithneacha. Chum ’s gur feaird a thuigear a chúis, thoir fainear na nithe so a leanas. 1. Ge d’ a rinn DIA an duine foirfe ann toiseach, ’s ge d’ a thug é dhá cáil-eigin do chomas air cúmhnant a dheanamh ris air ball, Eccles. vii. 29. “Rinn DIA ’n duin’ ionraic” Gin. ii. 16, 17. “Agus dh’ áithn’ an TIGHEARNA DIA do ’n duin’, a’g rádh, Do gach craoibh ann sa ghárradh faodai tu ithe gu saor, &c.” gidheadh chuir an duine trid an leagaidh, é fein fada o DHIA, agus ea-comasach air cúmhnanta tuill’ a dheanamh ris air ball. 2. Dh’fhoillsich DIA, ann diaigh tuiteam Adhamh, an nuadh cho’-cheangal, leis ’n do nochd é gun raibh é toileach cúmhnant a dheanamh ris an duine a rithist ann agus trid Eadar-mheadhonair, ’s mar sin dh’ órduich é do dhaoine teachd d’a ionnsui trid IOSA CRIOSD an t Eadar-mheadhonair, Eabh. vii. 25. “Tha é uile chomasach air a mhuinntir a thig a dh’ ionnsui DHE trid-sin, a shábhala gus a chuid is faide,” agus dúil a bhi aca ri taitneachd amháin ann-san, Eph. i. 6. “Chum cliu glóir’ a ghráis, tre ’n d’rinn é sinne taitneach ’na Mhac grádhach,” a’g órducha do dhaoin’ éisdeachd ri CRIOSD, do bhri gu ’m b’ easan amháin an t aon neach ann san raibh lán-toil DHE, Mat. xvii. 5. “’S é so mo Mhac grádhach ann sa bheil mo lán-toil, éisdibh ris.” [TD 192] 3. Tha chúis so cho soilleir aithnichte san sgriobtuir, agus tha é air a chiallucha gu bheil é mar sin do gach neach a tha fui’-shileadh an t soisgeil, air chor ’s gu bheil DIA gu bitheant a’ labhairt mu chúmhnant a dheanamh ris fein, gun luaidh air an Eadar-mheadhonair, do bhri gu bheil é air a bharalacha, gu bheil dearbh-fhios aig gach neach a tha ann san eaglais nach ’eil doigh sam bith air teachd a dh’ ionnsui DHE, ach trid IOSA CRIOSD an t Eadar-mheadhonair. 4. Thoir fainear nach é amháin gu bheil IOSA CRIOSD, neach a tha ’na DHIA agus ’na dhuine, ’na ionad iomchui cómhalach eadar DIA agus daoine, chum a chéil’ a choinneacha, ’s ’n a fhear-labhairt freagarrach chum síth a dheanamh eadar an dá pháirtidh nach ’eil san ám so aon-sgeulach, 2 Cor. v. 19. “Bha DIA ann CRIOSD a’réiteach an t saoghail ris fein;” ach faodai sinn a rádh mar an ceudna, gur easan am Fear-nuadh pósda neo-mheadhonach; air achd ’s gu ’m faodar “banais Mhic an Righ” a’rádh r’ar gabhail-ne ri DIA, agus faodar “bean-phósd’ an Uain” a rádh ris na daoine taghta: ’s é IOSA CRIOSD, mar gu ’m b’ann, an lámh a tha DIA a’ síneadh amach do dhaoine, ’s air a’ bheil iadsan a’ deanamh greim ’n uair tha iad a’ gabhail ri DIA trid CHRIOSD, mar an DIA fein, air a’bheil an anam a’ stad ’s a’ sochcrach air a cheann fa dheire trid IOSA CRIOSD, 2 Pead. i. 21. Muinntir trid-sin a tha creidsinn ann DIA a thog easan o na mairbh, ’s a thug glóir dha, chum ’s gu ’m biodh bhur creidimh agus bhur muinighin ann an DIA.” [TD 193] 5. Thoir fainear gu bheil na dáimh eug-samhuil sin a tha air an ainmeacha san sgriobtuir, air an cuir sios chum a chialluch an aonachd ’s an co’-chomunn seasmhach dainnean nach fhaodar a chuir fa sgaoil a tha eadar DIA agus a phobull: ge b ’é dlú-dhaimh agus co’-chaidreamh a tha eadar ceann agus buill, freumh agus geugan, righ agus iochdrain, buachaill’ agus treud, athair agus clann, bráthair agus bráthair, fear pósd’ agus a bhean, &c. tha gach ni dhiu sin ann so: Eoin xvii. 21, 22, 23, 26. “Agus bithidh iadsan uile ’n an aon, mar tha thusa, Athair, ionnams’, agus mis’ ionnadsa, ionnas gu ’m bi iadsan mar an ceudna ’n an aon annainne: chum ’s gu’n creid an saoghal gun do chuir thusa uait mi. Agus thug mise dhoibh-sin a ghlóir a thug thusa dhomh-sa; chum ’s gu ’m bi iad ’n an aon, eadhoin mar tha sinne ’n ar n aon: mise annta-sa, agus thus’ ionnamsa, chum ’s gum deanar coi’-liont’ iad ann aon, ’s a chum ’s gu ’m bi fios aig an t saoghal gun do chuir thusa uait mi, ’s gun do ghrádhaich thu iadsan, eadhoin mar a ghrádhaich thu mise. Agus dh’ fhoillsich mise t ainm dhoibh, agus foillsichi mi é: chum ’s gu ’m bi an grádh leis an do ghrádhaich thu mise, annta-san, agus mise annta.” Air chor ’s ge b’é ni tha air a labhairt san sgriobtuir, faodai daoin’ a thuigsinn, gu bheil DIA ’g an gairm chum bhi réidh ris fein trid CHRIOSD, ’s tha é ’g a thairgse fein chum bhi ’n a DHIA ’s ’na Fhear-pósda dhoibh amháin ann-san: agus tha daoine gu gabhail ri DIA gu bhi ’n a DHIA ac’ ann CRIOSD, ’s a bhi lán toilichte leis an fhuasgladh a tha air a sholar trid-san do pheacaich bhochd chaillte, chum an teasairgin o thruaigh shiorruith; ’s iad [TD 194] fein a thoirt suas do DHIA ann CRIOSD, ann san gabhar amháin taitneach riu. ’S a mhuinntir sin a tha gabhail ri CRIOSD, tha iad a’gabhail ri DIA ann-san, a tha ann an CRIOSD, a’ réiteach an t saoghail ris fein, 2 Cor. v. 19, Eoin xiv. 8, 10, 11. ’S cha ’n ’eil sin ri tuille rannsuich a dheanamh mu thimchioll nan dáimh eug-samhuil tha air an ainmeacha san sgriobtuir, eadar DIA, no CRIOSD, agus daoine, ni’s faide na nochdas iad aonachd agus co’-chomunn, no dlú-dhaimh ri DIA trid IOSA CRIOSD, agus ar buannachd d’an taobh. Air do na nithe sin bha lán-shoilleir, cha labhair sinn ach beag mun timchioll; ach do bhri’ gur é creidsinn ann CRIOSD an dleasnas áraid a tha air iarruidh air gach neach a chluinneas an soisgeul so, tha sinn a’g aslucha ’s a guidhe air gach uile neach, ann ainm an TIGHEARNA DIA, a chluinneas na nithe so, gun smuaintich iad gun dáil air an staid chaillte ionnta fein, ’s air an fhuasgladh a fhuair DIA trid IOSA CRIOSD, d’an d’thug é tairgse shaor do gach uile neach a bhios lán-toilichte leis, ’s a bhios toileach bhi air an sábhaladh air an doigh sin; ’s gun d’ thugadh iad fainear nach ’eil slighe sam bith eil’ ann chum dol as o’n fheirg a tha chum teachd, air son am biodh daoine toileach ruidh a stigh ann am meadhon loch do luaidh leaghta, air chionn latha bhreitheanais, chum bhi air am folach o ghnúis an Uain, air a’bheil iad san ám so a’deanamh dímeas agus táir: tha sinn a’g rádh, gu bheil sinn a’ guidhe ’s a’ gríosadh air gach uile neach, iad a smaointeacha le mór dhúrachd air a chunnart ann sa bheil iad, ’s an cridhe oibreacha suas chum na cúise so, ’s iad fein earbsa ri DIA, agus gabhail ris [TD 195] trid IOSA CRIOSD, ann an tairgse an t soisgeil, ’s a bhi lán-toilichte leis, mar an t aon ni maith a tha amháin ion-mhiannuicht’ agus a shásuicheas gach neach aig am bi é, chum ’s gun dean iad an staid fein tearuinte. Imichibh gu luath agus deanuibh geur-rannsucha dúrachdach air son tairgse síth agus slainte trid CHRIOSD tha air a chuir sios ann san Sgriobtuir, agus cuiribh bhur cridhe agus bhur n anam ann am fonn agus ann suidheach iomchui chum gabhail ri CRIOSD mar tha é air a thairgse san t soisgeul, agus ri DIA ann CRIOSD; agus deanuibh é air chor, ’s gu’m faod sibh a rádh, gun raibh sibh cho dúrachdach threibh-dhireach ann sa chúis so, ’s a bha sibh riamh ann gnothach sam bith eile, ’s a reir aon ni is fiosrach sibh, gur é CRIOSD an Slanui’-fhear bhur raoghain thair gach ni agus neach eile, r’a bheag sam bith, nach aithne dhuibh ’s nach d’thoir sibh caidreamh do dh’ aon ni bhios ann aghai sin; ’s gun do leig bhur cridhe a chúis gu breith DHE chum a’ rannsuch agus fheuchainn a’bheil a bheag air bith ann nach ’eil a reir r’a thoil, ’s ma tha gun leasaicheadh easan a’ mearachd, ’s gun treoruicheadh é sibh air an t slighe cheart. Anoise ’s é dlú-leantuinn so a chridhe ri CRIOSD, ga thilge fein air a chúram, chum bhi air a shábhala leis, creidsinn, no creidimh, a tha gun amharus a’tearnadh duine o’n fheirg a tha chum teachd, chionn gun do ghabh é ’nois’ air mhodh slainteil ri IOSA CRIOSD, ’s gu bheil é creidsinn ’na ainm, ’s air an aobhar sin cha bhi é air a dhíte, mar tha ’n sgriobtuir a’g rádh. Cunn. ’N uair tha mi cluinntin ciod é bhi creidsinn ann IOSA CRIOSD, shoilidh mi air uairibh [TD 196] gu bheil creidimh agam; oir faodai mi a’ rádh, a reir aon ni air am fiosrach mi, gu bheil mi lán-toilichte leis an innleachd sin a shábhala pheacach trid IOSA CRIOSD an Slanui’-fhear; gu bheil mo chridhe ann tóir air, ’s ga shochcracha fein air mar ionmhas ion-mhiannuicht’ a lán-shásuicheas; ’s tha mi lán toileach gabhail ri DIA mar mo DHIA ann-san. Ach ’s minic a tha mi cuir ann teagamh ’n do ghabh mi riamh ris air a mhodh so; ionnas gu bheil mi air mo chumail ann iom-chomhairl’ agus fui’ amharus a’bheil mi a’creidsinn, no idir a’bheil mi air mhodh slainteil ann cúmhnanta ri DIA. Freag. ’S bitheanta le ioma neach a ghabh air mhodh slainteil ri IOSA CRIOSD, a cheart ni sin fein a chuir ann teagamh a rithist: air an aobhar sin nochdai mi aon ni áraidh a dh’fhaodas a bhi ’na chuideacha ro fheumail chum an t anam a dheanamh lán chinnteach araon a thaobh a chreidimh agus a chóir air DIA; agus ’s é sin, daoin’ a’ghabhail cha ’n é amhain gu dúrachdach ri DIA ann CRIOSD, ach mar an ceudna, “gu ’n gabh iad ri IOSA CRIOSD gu soilleir, follaiseach, riaghailteach le cainnt beoil, ’s gu’n gabh iad ri tairgse DHE trid-san, ’s mar sin gun dean iad co’-cheangal ri DIA.” Agus faodai so, trid beannucha DHE, bhi ro-fheumail dhoibh chum an daighneacha ’s an cuir as an teagamh mu thimchioll an cóir shlainteil air CRIOSD. Man labhair mi mu thimchioll a chúmhnanta shoilleir so dheanamh ri DIA, cuiridh mi sios roi’-laimh na nithe so a leanas. 1. Cha ’n ’eil a mhiann orm san áite so gu ’m bi eadar-dhealucha mór eadar an cúmhnanta so, agus an cúmhnanta tha [TD 197] eadar DIA agus an eaglais fhaicsinneach, mar tha é ’g a nochda ’na thoil fhoillsichte; ni mó tha mhiann orm gu’m bi ach beag eadar-dhealuch eadar an cúmhnanta so, agus cumhnant a chridhe ri DIA ann CRIOSD man da labhra roimh so; oir ’s é ’n cumhnanta ceudna tha ann, gun mhúghadh air bith; ach amháin gu bheil an ni bu chleachda leis a chridhe a chuir ann gniomh roimh r’a labhairt amach san ám so gu soilleir follaiseach le cainnt beoil. 2. Tha mi ’g aideacha nach ’eil cúmhnant a dheanamh ri DIA air mhodh soilleir air an doigh so, ana-barrach feumail chum slainte; oir ma ghabhas neach air bith ri DIA ann CRIOSD, gu treibh-dhireach dúrachdach mar tha é air a thairgse san t soisgeul, bithidh anam ’s a staid lán tearuinte leis a sin, a reir an sgriobtuir, gar an labhair é mach na nithe sin le bheul: ach air a shon sin, tha cúmhnanta follaiseach air a mhodh so ro-fheumail chum ’s gur feaird a thuigeas duin’ a staid fein, ’s gu’n coimhead é le barrachd co’-fhurtachd a chóir air IOSA CHRIOSD. 3. Tha’n cúmhnanta follaiseach so dheanamh ri DIA le cainnt beoil, neo’-éifeachdach, mar bi ’n cridhe air mhodh treibh-dhireach dúrachdach a’gabhail ri DIA ann CRIOSD ’na cho’-chuideachd; oir as eug’ais sin cha ’n ’eil ann ach bhi mi-naomhach ainm naomh ion-mholt’ an TIGHEARNA DIA, ’s a’ deanamh fanoid fhollaiseach air, ’s mar sin a’ dlúthacha ris leis a bheul, ’n uair tha ’n cridhe fada air asdar uaithe. 4. Tha mi ’g aideacha nach dean araon cúmhnanta dúrachdach agus cainnt beoil ri DIA, duine cho chinnteach mu staid ghrásmhor, ’s nach bi é ann teagamh mun chúis, as eug’ais co’-fhianais [TD 198] an Spioraid, leis an tuig sinn na nithe tha air an toirt duinn gu saor o DHIA; gidheadh tha ’n doigh fhollaiseach so air cúmhnant a dheanamh ri DIA, ann co’-chuideachda gabhail ris ann CRIOSD leis a chridhe, ’na mhór chuideacha chum a chuir ann cuimhne duine, gu bheil co’-cheangal teann dainnean eadar DIA agus é fein, agus bithidh é ’na impidh air ioma cunnuil neo-stéigheil a bhios a’g éiridh suas ann an cridhe agus ann inntin neo-bhunailteach fhógradh air falbh, a tha gnátháichte r’a áicheadh gu beag-nárach san ám so, an ni a choi’-lion ’s a chuir iad ann gniomh tamull beag roimhe so. Tha ’n cúmhnanta follaiseach so mar fhianais air na rinneadh eadar DIA agus an t anam, ’s mar sin tha é feumail chum creidimh a neartucha. Ann an labhairt ni’s faide mu thimchioll a chúmhnanta so, nochdai sinn, I. Gur gnáthacha ro bharantaicht’ é. II. Nochdai sinn gu h aith-ghearr’ an t ullacha tha air iarrui roi’-laimh air a mhuinntir a ni cúmhnant air a mhodh so ri DIA. III. An doigh air an d’ theid daoine mu thimchioll an dleasnais sin. IV. Creud bu chóir leantuinn ann diaigh a chúmhnanta shoilleir so. I. ’S é cheud ni chuir sinn rothainn a nochda, gur gnáthacha barantaicht’, agus dleasnas fiachaichte cúmhnant’ a dheanamh ri DIA gu soilleir riaghailteach le cainnt beoil; mar a chi sinn o na nithe so a leanas: 1. Ann iomad earran do ’n sgriobtuir, ma dh’ amhairceas sinn air na tha iad a’ cialluchadh, a reir an rúin, agus tomhas a chreidimh, dh’ áithn’ DIA é, agus dh’ fhág sé é mar dhleasnas fiachaicht’ air daoine, Isa. xliv. 5. “Their aon neach, ’s leis an TIGHEARNA mi,” Caib. xlv. 24. “Gu [TD 199] deimhin their aon neach, ’S ann an DIA tha fíreantachd agus neart agam,” Jer. iii. 4. “Nach glaodh tha ruimsa o’n ám so, M’ athair, ’s tu b’fhear treóruiche dhomh ann aois m’óige?” Sech. xiii. 9. “Their iad, ’S é ’n TIGHEARNA mo DHIA,” Hos. ii. 26. “Their thu Ishi rium;” agus ann iomad ionad eile. Anoise ma’ta o’n a dh’earail DIA cho soilleir air daoine ann litir an fhocail cumhnanta soilleir a dheanamh ris, faodai iad bhi cinnteach gur gnáthacha barantaicht’ é, air a cheadacha le DIA, agus ro-thaitneach leis. 2. B’é gnáthacha taitneach nan daoine diadhui an sgriobtuir, cúmhnanta soilleir a dheanamh ri DIA air an doigh so, agus fhuair iad mór cho’-fhurtachd agus síth coguis o’n dleasnas so ann diaigh dhoibh a dheanamh. ’S minic a thuirt Daibhi gu soilleir follaiseach ri DIA, gu ’m b’ easan a DHIA, ’s a chuibhrionn, agus gu ’m b’é fein a sheirbheiseach. Cuiridh Tómas a chóir as an teagamh leis, Eoin xx. 28. “Agus fhreagair Tómas agus thuirt é ris, mo THIGHEARN’ agus mo DHIA.” Seadh fós, tha mi ’g rádh, gu bheil mór-shuaimhneas aig na naoimh le bhi cuimhneach air na thachair eadar DIA agus iad fein sa chás sin, Salm lxxiii. 25. “Cia th’ agam ann sna neamha shuas ach thus’ a DHIA nan dúl? is ni bheil neach air talamh fós ach thus’ a’bheil mo dhúil.” Salm cxlii. 5. “O THIGHEARNA, ghlaodh mi riut, agus thuirt mi, gur tu mo thearmuinn, agus mo chuibhrionn ann an tir nam beo.” ’S bitheant’ a chi sinn é ann Leabhar Laoidh Sholamh. An ráibh na daoine sin a bha ro-ionmhuinneach le DIA cho dúrachdach ann an dleasnas a bha tármuchadh urrad shuaimhneis agus thoil-inntin dhoibh ann iomad [TD 200] cás, ’s am bi sinne, fui ’n Tiomna-Nuadh, d’ a’ bheil comas teachd am fogus do DHIA air a fhritheala gu ro-phailt, ’s aig a’ bheil co’-pairt do bhrígh a chroinn Ola; ’m bi sinne, tha mi ’g rádh, gaoirid an san dánachd thaitneach so ri DIA? O’n a tha sinn a’g oirpeach an neúl sin do dh’fhianuisibh a leantuinn ann an nithibh eile, mar tha creidimh, teas-ghrádh foighidin, &c. leanamaid iad mar an ceudna ann san ni so a tha co ro fheumail. 3. ’S é an ni mu bheil sinn a labhairt san ám so, a chúis is ro-fheumail’ a th’ann san domhan uile. ’S é beatha ar n anama é, Deut. xxxii. 47. Och mo thruaighe, ’m bi daoine co oirpeach air bhi fiosrach, soilleir, dúrachdach ’n an gnothaichean cud-thromach eile, air son gu bheil iad mar sin; agus nach bi iad ni’s ro oirpiche chum bhi soilleir dúrachdach ann sa chúis so, ris a’bheil an sonas siorruith ann earbsa? ’S iongantach leom nach ’eil móran, cha ’n é amháin ga labhairt le ’m beul, ach ga mhionnach agus a’ cuir an ainm ris le ’n laimh, ’s nach deanadh iad gach ni bhiodh ’n an comas, chum DIA ann CRIOSD a dheanamh cinnteach dhoibh fein, agus iad fein do DHIA, ni tha’n sgriobtuir a’barandachadh, Isa. xliv. 5. Faodai so mar an ceudna bhi ro fheumail, mar arguin a dh’ earail na doigh so air cúmhnant a dheanamh ri DIA, gu bheil cóir ann CRIOSD, agus cúmhnanta treibh-dhireach neo-chealgach a dheanamh ri DIA, ’n a ni a tha gu minic air a chuir ann teagamh leis na naoimh fein; air an aobhar sin tha mór fheum aig daoine, air gach aon doigh a tha ’n an comas a ghnáthach, eadhoin le smuaintibh, focal, agus gniomh, chum a chúis a chuir as an teagamh. [TD 201] Tha an ni so mar an ceudna freagarrach san áite so chum so earail mar dhleasnas, gu bheil DIA cho riaghailteach, shoilleir, agus a reir an lagha, ann sgach gnothach a bhuineas do shlainte duine, ’s é sin r’a rádh, ’S eigin gum bi CRIOSD ’n a charaid díleas, dha-san d’am buin cóir air an t saorsa; ’s eigin da bhi air a thaghadh, air a ghairm, úghdarras a bhi air a thoirt dha, ’s air a chuir uaithe; ’s eigin do chúmhnantan riaghailteach a bhi eadar an t Athair agus easan, an t Athair a’gabhail páighe agus díoladh, ’s a’ dughadh amach an ainmheich, ’s gach aon ni bhi air a dheanamh gu lán-shoilleir. ’M bi an TIGHEARNA cho ro shoilleir dhúrachdach ann sgach earran do ’n chúis, ’s an gabh ar cuid-ne dh’eth gu támh ann an smuainte mi-riaghailteach do-thuigsinn, agus sinn a bhi mar bhrúide balbha ’na láthair? Nam b’é pósadh eadar fear agus bean a bhiodh ann, cha mheasa daoine gu ’m bu leoir é, ge d’ a bheireadh a bhean aid’eacha seachad ’na cridhe, ’s an duine bhi fiosrach air a sin; m’ar d’ aid’ich i riamh na h urrad sin le cainnt beoil, air dhi bhi comasach air sin a dheanamh. Anois’ tha ’n cumhnanta so eadar DIA agus duine air a nochda san sgriobtuir, mar phósadh eadar fear agus bean, Hos. ii. 19. 20. 2 Cor. xi. 2. Tha Laoidh Sholamh gu h iomlan a’labhairt uime air an doigh sin. Tha ’n TIGHEARN’ a’gnáthacha cosamhlachdan, chum a chiallucha dhuinne ciod a tha ’na rún a dheanamh; agus gu cinnteach ’s ni ro áraidh so ann am pósadh, gu ’n co’-aontaich a bhean gu saor soilleir chum na cúise: their an duine, Mar so tha mi ge d’ ghabhail chum bhi a’d’ mhnaoi phósd’ agam, ’s tha mi cuir mar fhiachaibh orm [TD 202] fein gu ’m bi mi m’ fhear pósda díleas duit: ’s eigin do’n mhnaoi air an laimh eile, ainmeacha gu bheil i toileach, agus a rádh, Eadhoin mar sin tha mi ge’d’ ghabhail chum bhi d’ fhear pósd’ agam, agus tha mi gealltuinn bhi gu dleasnach úmhala dhuit. ’S amhuil a tha ’n so; tha ’n TIGHEARN’ ag rádh, “Tha mi ge d’ cheangal rium fein ann ionracas, agus goiridh tu Isi dhiom,” ’s é sin m’ fhear pósda, Hos. ii. 16, 20. Bithidh mi dhuitse mar cheann ’s mar fhear pósda, mar bi thu air son neach eile, Hos. iii. 3. Bu chóir do’n duine freagairt, agus a rádh, Amen, mar sin bitheadh é, bithidh d’ thusa a’ d’ DHIA, a’ d’ cheann ’s a’ d’ THIGHEARNA dhomh sa, ’s bithidh mise leatsa, ’s ni h ann le neach eile, Laoidh Sho. vi.3. “’S le m’ ghrádh mise, agus ’s leamsa mo ghrádh.” Agus mar sin theirear ris a chúmhnant a nithear air an doigh so ri DIA an lámh a thoirt dha, mar tha ’m focal a ’g rádh, 2 Chron. xxx. 8. a tha ’g ainmeacha cumhnanta follaiseach, soilleir, riaghailteach ri DIA. Mar sin ma’ta, tha sinn a’breithneacha gur dleasnas fiachaicht’ é, agus gnáthacha ro-thaitneach, a tha ro-fheumail a thoirt suaimhneas do dh’ inntin duine, agus tuille co’-fhurtachd a thoirt dha le bhi ’n cumhnanta ri DIA, ’s a tha co’-fhreagra ni’s fearr do dh’ aontachadh agus do thairgse DHE ann sa ghealladh mhór sin, “Bithidh mise a’ m’ DHIA dhuibhse, agus bithidh sibhse ’n ar pobull domh-sa.” Cha ’n é amháin gum bu chóir do dhaoine gabhail gu follaiseach ri DIA ann CRIOSD air an doigh so chum an cridhe a shocrachadh; ach faodaidh iad mar an ceudna, an cumhnanta so ath-muadhacha ri DIA ann ámaibh sonraichte, gu [TD 203] h áraid ’n uair a bhios iad trid buairidh a’cuir ann teagamh ’n do naisg iad cumhnanta treibh-dhireach durachdach neo’-chealgach air a mhodh so riamh ri DIA. Mar tha iad ann sin ri nuadh ghniomharra do chreidimh a chuir amach, a’ dlú-ghabhail ri CRIOSD mar chuibhrionn ’s mar ionmhas ion-mhiannuichte, agus mar an ceudna ann tráthaibh eile, air chor ’s gu ’m b’ fheumail, gu sonraichte ma tha ag air bith sa chúis, gun rachadh a chonnspuid a réiteacha le cainnt beoil, ’s gun abradh iad m’an TIGHEARNA agus ris, gur casan an tearmuinn agus an cuibhrionn, Salm xci. 2. cxlii. 5. Tha sinn a’faicinn gun raibh na naoimh ga dheanamh; agus faodai sinn an éisiomplair a leantuinn. Gu h áraidh, 1. Ann ám cúl-shleamhnacha ro-mhór, bu ghná leis a phobull ann cumhnant ath-nuadhacha ri DIA, ’s bu chóir dhuinn a dheanamh mar an ceudna. Bu chóir d’ar cridhe dol amach ann diaigh CHRIOSD ann an geallaine na réite ri DIA: oir ’s easan ar síth ann sgach cúis, agus ar Fear-tagraidh; ’s tha é fiachaicht’ oirn-ne greim a dheanamh air mar sin, ’n uair a pheacaicheas sinn, 1 Eoin ii. 1. “Ma pheacaicheas neach sam bith, tha Fear-tagraidh againn maille ris an Athair, eadhoin IOSA CRIOSD am Fírean;” agus an urrad sin ainmeacha gu soilleir le cainnt beoil, mar bu ghná leis na naoimh a dheanamh ann ám dhoibh an cumhnant ath-nuadhach o’n leith a muigh ri DIA. 2. ’N uair a tha daoin’ ann cunnart sam bith, bu mhaith gu’n cuireadh iad an cridhe amach ’na dhiaigh, ’s gun ainmicheadh iad an cumhnanta ris, chum an cridhe fein a dheanamh cinnteach. Tha sinn a’faicinn gu ’n d’ rinn Josua sin, ’n uair bha [TD 204] é gu támh a ghabhail ann talamh Chanaan, ann am meadhon lion, Jos. xxiv. ’S amhuil a rinn Daibhi ’n uair bha é ’na eigin, Salm lvii. 1. “Ann an sgáil do sgiathaibh ni mi mo dhion, gus an d’theid na h ámhghair sin thairis.” 3. ’N uair tha daoine fui’ amharus gu bheil DIA fada uatha, ’s gu bheil an anam a’ seachda ’s a’ dol air ais, ann sin ’s tearuinte dhoibh iad a ghabhail gu dúrachdach treibh-dhireach ri CRIOSD, tre chreidimh chum an anam a shábhaladh; agus bu mhaith a chúis a chuir as an teagamh, le ainmeacha gu soilleir. ’S é so an doigh air brígh a tharruing o CHRIOSD an fhreumh, chum an t anam a bheothachadh, ’s a chum an cridhe a dhaighneacha ’na láthair. Tha Bhana-chéilidh ann Laoidh Sholamh a’deanamh mar sin, ’s air a mhodh so a’tagradh cóir air, ’n uair a bha i ’na leithid a staid, a’g aidmheil ’s a nochda gu’m b’ easan a grádh, v. 4. Ann ám fritheala suipeir an TIGHEARNA, bu chóir do dhaoine gabhail gu ro dhurachdach ri DIA ann CRIOSD air a mhodh so, ’s an urrad sin a labhairt ’s a chuir ann géill gu soilleir: oir ’s cuirm ghráidh sin; agus sann ann sin a tha sinn a’gabhail ri DIA ann CRIOSD le admheil fhollaiseach, ’s a’faghail seula na rinn sinn: uime sin tha é iomchui, san ám sin, araon an cridhe ’s an teangadh a thoirt suas chum ar n aidmheil a fhreagradh, a’gabhail ri DIA chum bhi ’na DHIA dhuinne, ’s g’ar toirt fein thairis dha-san chum bhi leis, ’s air ar stiúradh a reir r’a thoil. Cha suidhich sinn pobull an TIGHEARNA gu tiom shonraichte air son an dleasnais so, faodaidh an TIGHEARN’ a shúnracha dhoibh ’n uair is áill leis; ach tha é ro chunnartach, mu bhios [TD 205] daoine tuill’ is bitheant’ a’deanamh cúmhnanta follaiseach ri DIA, gu’n cinn iad neo-umhailleach mi-chúramach mu’n chúis. Air an aobhar sin cha ’n ’eil é co iomchui gun ath-nuadhaiche daoine an cúmhnanta follaiseach sin ri DIA gu bitheanta ’na uile bhriathraibh, ach gu ma fearr leo fhoillseacha do DHIA gu bheil iad a’seasamh ris a chúmhnant a rinn iad ris ’s gu bheil iad ga choimhead, ’s nach d’ theid iad gu siorruith air an ais uaithe: agus faodui iad suim a chúmhnant ainmeach ann an tagradh an cóir air DIA ann CRIOSD, mar an DIA fein; agus faodai iad so a dheanamh gu minic, eadhoin ’n an uile ath-chuingibh ri DIA. Agus do bhri’ coltais ’s é so an ni a bha ’n rún nan naomh ’n an cleachda cho gnáthaichte san sgriobtuir, ’n uair a tha iad a’tagradh an cóir air DIA, mar an DIA ’s an cuibhrionn; agus tha é iomchui, gu’n cum daoine ’n an uile ghluasad, an cridhe aig a chúis, le bhi dlú-leantuinn ri DIA ann CRIOSD. “Bu chóir do ’n bheatha tha sinn a’caitheamh san fheoil a bhi tre chreidimh ann a’Mac DHE,” Gal. ii. 20. II. ’S é ’n dara ni chuir sinn rothainn a nochda, Ciod an t ullacha tha air iarrui roi’-laimh air an duine sin a tha gu cúmhnanta follaiseach a dheanamh ri DIA: a bharrachd air na labhair sinn roimhe, tha sinn a’nochda, 1. Gur eigin dha-san leis an áill cúmhnanta follaiseach a dheanamh ri DIA, fios a bhi aige, gu bheil an gnáthacha sin barandaicht’ agus ceadaichte le DIA, mar a nochd sinn roimhe: mar bi fios aig duin’ air so, cha ’n ’eil é ’na chomas a dheanamh tre chreidimh, agus mar sin bithidh é ’na pheaca dha, Rom. xiv. 23. “Ge b’é ni nach ’eil o chreidimh ’s peacadh é.” 2. Gur eigin da a chridhe oibreacha suas chum [TD 206] bhi toileach d’a ionnsui, chum ’s nach breugaich é an teangadh; oir bithidh é ’na fhanoid mhór air DIA, “dlúthacha mar sin ris leis na bilibh, ’n uair tha ’n cridhe fada air asdar uaithe,” Isa. xxix. 13. III. ’S é ’n treas ni r’a thoirt fainear mun chúmhnanta shoilleir so dheanamh ri DIA, an doigh ann san cóir a dheanamh; ’s a bharr air na chaidh labhairt roimhe mu ghabhail ri CRIOSD leis a chridhe, nochdai mi san áite so; 1. Gu’m bu chóir do dhuin’ a dheanamh ga muinighinneach, ni h é amháin a’creidsinn gu bheil é mu thimchioll a dhleasnais ’n uair tha é ’g a dheanamh; ach mar an ceudna, gu’n gabh DIA ann CRIOSD ris an doigh bhochd neo-iomlan ann sa bheil é ’g a dheanamh: tha é gabhail ri duine a reir ’s mar tha aige, ma tha inntin toileach,” 2 Cor. viii. 12. Tha peighinn air a ghabhail, o nach raibh tuilleadh aig a mhnaoi bhochd, Marc. xii. 44. Seadh nam bu chomasach ruigheachd air, bu chóir do’n duin’ a chreidsinn gun sruth co’-fhurtachd ro-mhór o’n ghniomh so, agus bithidh gach ni gu maith; agus gun dean DIA, a tha ga cheangal fein air son gach neach a th’ann sa chúmhnanta, (o’n a stiur é an duine dh’ ionnsui na raoghain shona shólasaich so) ann an tomhas eigin easan freagarrach, ’s gu ’n criochnuich é gach ni a bhuineas da: “’S fírinneach an ti tha ’g ar gairm, neach mar an ceudna a ni é,” 1 Tessal. v. 24. Mu bhios a mhuinighinn so ga dhi, bithidh an gnothach so air a dheanamh le eagal agus le eud ro-mhór, mar bi leis n’as measa; ’s cha bhi fois no suaimhneas aig an duine d’a thaobh. 2. Bu chóir dha bhi air a dheanamh gu naomha. ’S é ’n “cúmhnanta naomh” a theirear ris, Luc. [TD 207] i. 72. “nithe naomha Dhaibhi,” Gniomh. xiii. 34. Bhiodh é iomchui nach biodh an cúmhnanta soilleir so ri DIA, air a dheanamh air dhoigh fhaoin gun seadh, ach ann an ath-chuinge shonraichte ri DIA; bu chóir a labhairt gu saor soilleir ris an TIGHEARNA, Salm cxlii. 5. “Ghlaodh mi riutsa, O THIGHEARNA, thuirt mi, ’s tu mo thearmuinn agus mo chuibhrionn.” Tha é ’na ni ro iomchuidh ann an gnothach cho cud-thromach, gu ’n rachadh cáil-eigin do thiom a shúnrachadh air leith, air son aid’each agus ath-chuinge ann láthair DHE; seadh fós, bu chóir do’n neach a tha deanamh cumhnant air an doigh so ri DIA, oirp a thoirt air smuaintibh árd-urramach a bhi aige mu mhórachd agus mu árd-uachdranachd DHE, 2 Sam. vii. 22. “’S mór thusa, O THIGHEARNA DHIA; oir ni bheil neach cosmhuil riut, ni mó tha DIA air bith ann ach thusa,” ge d’a tha é mar so ’ga irisleacha fein a dh’fhaicinn nithe air néamh agus air talamh; agus bu chóir do smuaintibh iriosal truaillidh a bhi aig’ an duine air fein, ann co’-chuideachd nan smuainte naomh árd-urramach sin mu DHIA, ge d’a tha é air a ghabhail a stigh chum na h árd inbhe so, 2 Sam. vii. 18. “Ann sin chaidh righ Daibhidh a stigh, agus shuidh é ’m fianuis an TIGHEARNA; agus thuirt é, Co mise, O THIGHEARNA DHIA? agus ciod é mo thigh, gun d’thug thu mi chum na h inbhe so?” Cha chúis bheag a bhi ’n dlú-dhaimh ris an DIA mhór árd Chruthai’-fhear Neamh agus na talmhuin, agus r’a Mhac IOSA CRIOSD; mar a thuirt Daibhi ’n uair a thairig righ Saul a nighean da, 1 Sam. xviii. 22. Seadh, os-barr, bu chóir do dh’fhaire agus do dh’fhaicill shonraicht’ [TD 208] a bhi aig duin’ air a chridhe, gum buanaicheadh é ann an suidheacha spioradail ann ám an cúmhnant a dheanamh ri DIA. Tha mór reuson air an dleasnas a choi’-lionadh air an doigh naomh so; oir tha daoine ro ullamh air bhi ain-eolach umpa fein, ’s gus an TIGHEARN’ a dhealbh a reir r’am barail fein, agus gu fás feolmhor saoghalta ann sa chúis, o’n a tha é air a nochda mar chumhnanta pósaidh ann sgach cainnt ghnáthaichte mu ghrádh, mar ann an Laoidh Sholamh, Isa. lxii. 5. Seph. iii. 17. IV. ’S é ’n ceathramh ni chuir sinn rothainn a nochda, ciod bu choir leantuinn ann diaigh a chúmhnanta shoilleir so ri DIA. Tha mi ’g rádh, a bharrachd air an aonachd ’s air a cho’-chomunn sin ri DIA ann CRIOSD, a tha ’n lorg creidimh, ma ni duine cúmhnanta follaiseach le cainnt beoil ri DIA. 1. ’S cóir dha bhi ro-churamach chum fuireach dlú do DHIA ann sgach gné chaithe-beatha; oir, mu ni duine o’n ám sin ni sam bith gu neo-iomchui, tha é breugachadh fhocail am fianuis DE, ’s tha choguis ’g a bioradh ’s ga crádh leis, ’s bithidh é ’na rioba ’s ’n a lion dha. Ma chuireas duine o sin amach cúl ri DIA, ’s gu ’n gabh é os láimh é fein a stiuradh, o nach ’eil é leis fein, chionn gun d’fhosgail sé a bheul ’s gun d’thug é a mhóid do’n TIGHEARNA gu ’m biodh é leis, “tha é deanamh geur-rannsuch ann diaigh mhionn, ’s a’ slugadh suas an ni sin a tha naomh,” Gnáth. xx. 25. 2. ’S cóir dha-san a tha air a mhodh so a’ deanamh cumhnanta ri DIA, buanacha gu seasmhach dainnean ann san ni sin a chuir é roimhe: [TD 209] oir ’s nár mi-chiatach do dhuine, a ghabh a chridhe ri DIA, ’s a dhaighnich é le bheul gu follaiseach ’na láthair, breugoir’ a dheanamh dh’eth fein a rithist, agus caidreamh a thoirt do ni sam bith a bhios ann aghai aidmheil; ’s ann bu chóir dha a chúis a choimhead gu dána misneachail ann aghai gach ni bhios a tathaich air. Anois’ ma’ta, ceadaichibh dhomh bhur n earalacha, sibhse leis ’m bu mhiann bhi air bhur daighneach ann an cúis bhur cóir air DIA, gu’n cuir sibh air leith gun dáil sam bith cáil-eigin do thiom chum úrnuigh a dheanamh ann láthair DHE, a’ saoithreacha chum bhur cridhe oibreacha gu dúrachd, grádh, agus gu creidimh an dleasnais, chum co’-cheangal a dheanamh, agus cúmhnant a dheanamh ri DIA ann am briathraibh soilleir air a mhodh so. “O THIGHEARNA, ’s creatuir bochd caillte mi a thaobh náduir, ’s a thaobh cunndas gun áireamh do pheacaibh gniomha, a tha mi ’g aid’eacha fa leith ann a’ d’ láthair air an latha an diu: agus ge do rugadh mi san eaglais fhaicsinnich, ’s ge d’ a bha mi o’n bhroinn ann an cúmhnanta riutsa, ’s ge d’ a bha an ni ceudna air a nasga dhomh ann am baiste; gidheadh chaith mi mo bheatha, ré úine fhada as eug’ais DHE ann san t saoghal, gu h ain-eolach neo-mothachail air a cheangal fui ’n d’thainig mi leis a chúmhnanta sin. Faidheoidh, dh’ fhoillsich thusa dhomh mo staid chaillte thruagh ionnam fein, agus nochd thu do m’ chridhe am fuasgladh leoir-fhoghainteach sin a fhuair thu trid IOSA CRIOSD, ’g a thairgse gu saor dhomh-sa, air chúmhnant’ ’s gu’n gabhainn ris, ’s gu’n gabh- [TD 210] ainn riutsa mar mo DHIA ann an CRIOSD, a’sparradh agus a’g earail orm gabhail ris an tairgse so, agus teicheadh a dh’ionnsuidh IOSA CRIOSD, air dhuit mo chunnart anabarrach a leige ris domh: Seadh, a reir aon ni ’s fiosrach mi, lán rúnaich thu mo chridhe san ám so, agus dhealbh thu é air son gabhail ri IOSA CRIOSD, ’g a threóireach amach as a dhiaigh ann an tairgse an t soisgeil, a’ toirt orm dlúthacha ris an DIA bheo, chum gabhail ris air an doigh sin, ’s a bhi gu neo-chealgach lán-toilichte le thairgse. ’S a chum ’s gum faodainn teachd chum an sochcracha spioraid sin ann sa chúis so, d’am bu chóir co’-fhurtachd a thoirt domh, ’s a chum cliu do ghrása glóirmhor-sa, tha mi ann an so air an latha an diu chum a chúis sin a chuir as an teagamh le briathra soilleir follaiseach a’d’láthair, a reir do thoil. Agus a nois’, tha mise, neo-aithrigh mar tha mi, a’foillseacha gu bheil mi creidsinn gu’m b’é IOSA CRIOSD a chaidh a chuir gu bás aig Jerusalem, Mac DHE, agus Slanui’-fhear an t saoghail; tha mi creidsinn an teisteis sin, Gu bheil beatha bhith-bhuan ann-san do dhaoine, agus ann-san amháin; tha mo chridhe air an latha ’n diu lán-toilichte leis an innleachd sin chum peacaich thruagh a shábhala trid-sin, ’s tha mi ’g earbsa m’anama ris; tha mi gabhail ri réite ri DIA trid-sin, ’s a’ gabhail riutsa mar mo DHIA ann-san; tha mi ’g a roighneach air gach doigh air a bheil é, ’s gach ni a dh’fhaodas a leantuinn; ’s tha mi ga m’ thoirt fein ’s gach ni tha agam thairis duit: a’miann- [TD 211] ucha bhi air m’ eadar-dhealuch o gach aon ni is fuathach leatsa, co fad ’s is fiosrach mi. Anoise tha mi toirt mo laimhe dhuit, ’s a’ gabhail gach ni tha mu m’ thimchioll mar fhianuis, ge b’é seol air ’n do chaith mi mo bheatha san ám a chaidh seachad, gu bheil mi san ám so a’gabhail ri tairgse DHE trid CHRIOSD; ’s gu bheil mi air an latha ’n diu a’ deanamh cúmhnanta cinnteach riut, ris an seasamh mi a chaoidh, ann dóchas gun dean thu gach ni freagarrach araon air do thaobh fein agus air mo thaobh-sa, ’s ag aslucha gu ro-dhúrachdach, mar is miann leom bhi air mo shábhala, gu’m bi mo thruaill’eachd agus m’ éi-ceirtibh air an ceannsucha, ’s mo mhuineal air a thoirt fui’ d’ chuing shólasaich-se ann sna h uile nithibh, ’s mo chridhe air aomadh chum aontacha gu criodhail suilbhearra leis gach ni is toileach leats’ a dheanamh rium chum na críche sin. Anoise, glóir gun raibh dhuitse, O ATHAIR, a dhealbh a leithid sin do shláinte, ’s a thug a’Mac chum a cho’-lionadh: mór chliu gun raibh do dh’ IOSA CRIOSD, a choisinn le luach co mhór dol amach a ghráidh sin o uchd an Athar, agus ’s ann amháin trid-sin a tha ’n comas so air athoirt do dhaoine, agus sann ann-san a tha mise air mo dheanamh réith ri DIA, agus gu h urramach air mo cheangal ris, ’s cha ’n ’eil mi ni ’s mó a’ m’ námhuid na m’ choigreach dha: mór-mholadh do’n SPIORAD NAOMH, a thug caismeachd dhomh ’n uair bha mi ga m’ mhilleadh fein, cha’n é amháin gun d’thug é mothacha dhomh air mo chunnart, ach mar an ceudna dh’ fhosgail é mo shúilean chum ’s gu’m faicinn am fuasgla tha [TD 212] air * a dhealbh ann IOSA CRIOSD; seadh, agus rinn é mo chridhe fiadhaich borb deónach air tuiteam ann gaol air CRIOSD, mar an t ionmhas a lán-shásuicheas ’s a ni duine saibhir; ’s tha é ga m’ sheóladh air an latha ’n diu cionnas a ni mi cúmhnanta ri DIA, agus an doigh air an daighnich mi dhomh fein uile thrócair chinnteach Dhaibhi, agus beannuchadh Abraham, ’s a chum deadh-ghean agus cáirdeas DHE a dheanamh cinnteach dhomh fein gu suthain siorruith. Anoise tha mi le m’anam, ’s le m’ chridhe, agus leis gach ball do m’ bhallaibh, co fad ’s a tha m’ chomas, lán-toilichte leis an raoghain a thog mi ’n diu, a’cuir rotham as so suas gun bhi leam fein, ach leatsa; ’s gu’m bi gach ni a bhuineas domh air do chúram, mar mo Cheannard agus mo Thighearna: a’ cuir rotham gu h iriosal, nach dean fáillnean air mo thaobh-sa, (ni tha fios agadsa, gu bheil mi ’g oirpeacha cuir ’n an aghai le m’uile dhichioll) an cúmhnanta so neo-éifeachdach; oir ’s mar sin a thuirt thu, ’s cha ’n’eil a mhiann ormsa a mhi-ghnáthachadh, ach dlúthacha riut ni ’s ro † thinne; agus ’s eigin domh comas a bhi agam an cúmhnanta so ath-nuadhacha, cho bitheanta ’s a thuigeas mi sin feumail. Tha dearbh-fhios agam anoise gu bheil do thoilse m’an chúmhnanta so air a chuir sios san sgriobtuir, air chor ’s nach ion domh nuadh-fhiosracha sam bith iarruidh air; agus air dhomh-sa gabhail ri d’ thairgse air do chúmhnantan fein, feithidh mi o so suas ris an ni tha maith, agus ri d’ shlainte-se air a chionn mu dheire. Mar tha thusa fírinneach agus díleas, thoir maitheanas domh * a sholar † dhluithe [TD 213] ann sna chaidh mi a’mearachd sa chúis so, agus gabh rium gu cáirdeil air sgáth mo THIGHEARNA grádhach IOSA CRIOSD, trid a’ bheil mi amháin a’g iarrui maitheanais. ’S mar fhianuis air na rinn mi, tha mi cuir mo sheula ris, gu bheil DIA fior, ann am foillseacha gu bheil é ’na Shlanui’-fhear lán-fhoghainteach chum peacaich a shábhaladh” Deanadh daoine cúmhnanta ri DIA a reir mar theagaisgeas an TIGHEARNA dhoibh, co aca ’s ann am briathraibh is gainne no is lionmhoire na tha ’n so; oir cha ’n ’eil a mhiann oirn riaghailt shuidhcht’ a chuir roimh neach sam bith: ach amháin gu bheil é iomchui gun aid’iche daoin’ ann an láthair an TIGHEARNA an staid chaillt’ ionnta fein, ’s am fuasgla’ tha tre IOSA CRIOSD, ’s gun aidmhich iad gu bheil iad ’ga ghabhail mar tha é air a thairgse san t soisgeul, ’s gu bheil iad gu taingeil lán toilichte leis, gan earbsa fein gu h iomlan ri DIA, chum bhi air an sábhala leis ’n a sheol fein, ris a bheil iad a feitheadh a reir r’a fhíreantachd. Nan deana daoine so gu criodhail treibh-dhireach dúrachdach, dh’ fhaodadh é trid beannucha DHE, an cuideacha chum an creidimh a dhaighneach ann aghai iomadh eagal agus an-amharus; agus dh’ fhaodadh iad ni maith aráid a chomharach amach o’n latha agus o’n uair so, ni a dh’ fhaoda mór cho’-fhurtachd a thoirt doibh ann an ioma triobluid ann sam faodadh iad tuiteam ann diaigh laimhe, maith a dh’fhaoide aig uair agus ám am báis, 2 Sam. xxiii. 5. “’S iad sin briathra mu dheireadh a labhair Daibhi—Ge nach ’eil mo thigh mar sin ri DIA; gidheadh rinn é cúmhnanta siorruith rium, air a riaghladh ann sgach [TD 214] aon ni agus cinnteach: oir ’s é so m’uile shlainte, agus m’uile mhiann.” Tha é ’n a ni mór ma dh’fhaodas duin’ a’rádh ri DIA, Tha dearbh-fhios agad gun raibh latha agus uair ann, ann san do ghabh mi ri síth trid IOSA CRIOSD ’n a leithid sin do dh’ áite, ’s gun d’ thug mi mo chridhe thairis duit, chum do lagh gu h iomlan a sgriobhadh air: tha neamh agus talamh ’n am fianuisean air a chúis sin. “Cuimhnich do d’ óglach am focal, ris an d’thug thu orm dóchas a bhi agam,” Salm cxix. 49. Cunn. Cha ’n ’eil do dhánadas agam a shamhuil sin do chainnt a labhairt ri DIA, do bhri nach ’eil mi a’faireachduinn mo chridhe a’ tighinn air aghai co fad ’s bu mhaith leom ann grádh agus ann dúrachd; air chor ’s nach deanain ach breug do DHIA, ge d’ a dheanain cumhnant’ air a mhodh sin ris. Freag. Tha é ’na fhior aobhar mulaid nach ’eil cridhe dhaoine, le mór thogradh agus le grádh laiste, a’dlú-ghabhail gu criodhail ris an tairgse agus ris a chuibhrionn bheannuichte sin: gidheadh mar fhreagra do’n chunnuil, cuimhnich, 1. Nach ’eil an cridhe gu h iomlan air ath-nuadhach aig a mhuinntir sin d’a bheil an TIGHEARN’ a’ toirt a chridhe nuadh, a’dealbh CHRIOSD ionnta; tha feoil agus spiorad a’miannuch ann aghai a chéile, air chor ’s nach ’eil é ’n comas do dhuine a’maith nan t olc bu mhiann leis a dheanamh a chuir ann gniomh mar bu mhaith leis, Gal. v. 17. Tha chúis gu maith ma tha n’ earran is pailte do’n chridhe a’dol amach ann diaigh CHRIOSD, a’ miannucha gabhail ris air a thairgse fein. 2. Tha grádh riasonta do dh’ IOSA CRIOSD gu minic ann sa chridhe, ga nochda fein le spéis [TD 215] a bhi aige da áitheantaibh, 1 Eoin v. 3. “’S é so grádh DHE, gu ’n coimhead sinn áitheanta; ’s ni bheil áitheanta-san do-choimhead;” ’n uair nach ’eil grádh buadhail mothachail ann a ni ’n t anam tinn, Laoidh Shol. ii. 5. “Tha mi tinn le grádh:” cha ’n ion do dhaoine dúil a bhi aca ris a ghrádh so gach aon ám. Tha mi ’g rádh, ge d’ a raibh ni eigin ann a’ d’ chridhe a bhios a’tarruing air ais; gidheadh m’as urrain thu a’rádh, gu bheil mothachadh agad air do staid chaillte as eug’ais CHRIOSD, ’s gu bheil fíreantachd a dh’ uireasbhuidh ort chum do chionta fholach, ’s gu bheil neart a dhi ort chum cathachadh ann aghai a pheacai, no chum an ni sin is taitneach le DIA a dheanamh, agus gu bheil thu faicinn iomlaineachd ann-san; ann san da ni sin, ma tha thu comasach air a’rádh, gu bheil ni eigin ann a’ d’ chridhe a tha deóineach togarrach air gabhail ri DIA air a thairgse fein, agus leis ’m bu mhiann araon fíreantachd fhaghail chum fíreanachadh, agus neart chum naomhachadh; agus gur é an ni tha ’n taobh a stigh dhiot a tha cuir ann aghai so, ann an tomhas eigin, do throm-uallach agus do dhaorsa: ma tha chúis mar so, tha do chridhe air a thoirt air aghai mar nach olc ann sa chúis, gluais air th’aodhart a dh’ ionnsui na h oibre, agus socraich a chúis le cúmhnant a dheanamh ri DIA, agus abair, “Gu bheil araon fíreantachd agus neart agad ann san TIGHEARNA,” mar a mhionnuich é b’ eigin duit a dheanamh, Isa. xlv. 23, 24. Tha é ’na ni ro-thaitneach a’rádh ri DIA, tha mi a’creidsinn, ’n uair tha móran do mhi-chreidimh a’gabhail cómhnuidh ionnam, ’s a tha ’n cridhe air a roinn ann sa chúis, Marc. ix 24. “A THIGHEARNA, tha mi creidsinn; [TD 216] cuidich thusa le m’ mhi-chreidimh.” Nochd do DHIA a cheart doigh air a’bheil do chridhe, air chor ’s gu ’m faod thu bhi gu neo’-chealgach ’na láthair, gun ni sam bith a chleth air; agus cuir do chridhe, ceart mar tha é, ’na laimh, chum a lagh a sgriobhadh air, a reir a chúmhnanta: oir ’s é sin an ni tha é ’g iarruidh air daoine, gun d’thoir iad an cridhe seachad dha, chum ’s gun suidhich é a lán toil air; agus m’as urrain duit aontacha gu criodhail a dh’ ionnsui sin, a’meas gu bheil fuil CHRIOSD leoir-fhoghainteach chum lán díoladh a thoirt air son ciont’ an duine, faodai tu dol gu neo-sgáthach agus cúmhnanta follaiseach a dheanamh ri DIA, oir rinn do chridhe agus t aigne cheanadh é. Cunn. Cha ’n ’eil do dhánadas agam cúmhnant a dheanamh ri DIA air a mhodh so, ’n t eagal gu ’m bris mi é; seadh, tha mi lán-chinnteach nan d’ thigeadh a leithid so do bhuaireadh a’m’ charamh, air a chuir ma m’ chomhair air an doigh so no air an doigh ud eile, gun lúbadh ’s gu’n géilinn da: air an aobhar sin le cúmhnant a dheanamh air an doigh so ri DIA, ’n uair tha roi’-shealladh agam air an ni sin, cha deanadh é ach mo chionta aon-tromacha. Freag. 1. Dh’inndrinn thu cheanadh ann cúmhnanta ri DIA, mar is ball thu d’a eaglais fhaicsinnich; ’s cha ’n ’eil ann san ni tha ’noise ’ga earail ort, ach gun dean thu ’n cúmhnanta ris air mhodh ni’s dúrachdaich agus ni’s treibh-dhiriche na rinn thu roimhe: tha mar fhiachaibh ort cheana gabhail gu ro-dhúrachdach ri DIA ann CRIOSD; agus mu ni thu é a’ d’ chridhe, tha dóchas agam nach ’eil an cunnart ni’s mó le a’rádh [TD 217] gu bheil thu ’ga dheanamh, no gun d’ rinn thu cheanadh é. 2. Ciod a ni thu ma chuireas tu cúl ri co’-cheangal dúrachdach a dheanamh ri DIA ann CRIOSD, ’s mar gabh thu r’a shíth mar tha é air a thairgse san t soisgeul? cha ’n ’eil doigh sam bith eile ann leis am bi thu air do shábhala; ’s eigin duit an dara cuid so a dheanamh, air neo dol a’mugha gu siorruith; agus ma ni thu é le d’ chridhe, faodai tu mar an ceudna a’ rádh le d’ bheul. 3. Ma chuireas daoine cúl ri co’-cheangal a dheanamh ri DIA, air son gu ’m bi iad ciontach do dh’ ar-amach ann diaigh laimhe, cha bu chóir do dhuin’ air bith cúmhnant a dheanamh ris; oir gu cinnteach bithidh gach aon neach ciontach do pheacadh ann diaigh laimhe, mu mhaireas iad beo ach úine ro bheag ann déis doibh an cúmhnant’ a dheanamh: agus cha ’n aithne dhuinn seol sam bith coltach ris a so chum daoin’ a choimhead o chúl-shleamhnachadh: oir mu ni thu cúmhnanta fírinneach neo-chealgach ris, tha easan a’ cuir mar fhiachaibh air fein, a bharr air a chridhe nuadh, chum eagal ’s a reachd a chuir ann, gun d’thoir é a Spiorad duit a thoirt ort gluasad ’na shlighe. ’S an uair a ni thu ’n cúmhnanta ri DIA, tha thu ge d’ liothairt fein da, chum bhi air do naomhacha ’s air do dheanamh a reir r’a thoil. ’S é sin thu fein a thoirt suas dha-san chum bhi air do threóracha ’na shlighe ann sgach aon ni, agus air do choimhead o’n droch shlighe, ’s cha ’n é aon cheangal o’n leith a muigh air do thaobh fein chum a shlighe a choimhead, agus fuireach o’n olc: air chor ’s nach ruig thu leas eagal na sgáth a ghabhail roi’n chúmhnanta, ’s é is [TD 218] briathran da, “Nach áill leat bhi air do dheanamh glan?” Jer. xiii. 27. Agus tha gach neach a tha seachna cúmhnant a dheanamh ri DIA, a’ nochda nach ’eil toil aca bhi air an deanamh glan. 4. Mar tha é cruaidh do neach sam bith a’rádh gu cinnteach, gu’m peacaich iad, nan d’thigeadh a leithid sin do bhuaire ’nan caramh, air a chuir fa ’n comhair air an doigh so no air an doigh ud eile, do bhri gum faod daoin’ a shaoilsinn an dara cuid gu ’n cum DIA buaireadh as an caramh, air neo nach fuiling é gum bi iad air am buaire th’ air na bheil iad murrach air a ghiulan, air neo gun d’thoir é dhoibh seol air dol as, Salm xlvi. 1. “’S é DIA ar tearmuinn agus ar neart, ’s air cobhair ro dheas ann ám triobluid.” 1 Cor. x. 13. “Cha do thachair buaireadh air bith ruibh, ach ni tha cumannta do dhaoine: ach tha DIA díleas, nach leig leibh bhi air bhur buaire th’ air bhur comas; ach a ni maille ris a’bhuaire slighe chum dol as mar an ceudna, chum ’s gu ’m bi sibh comasach air a ghiúlan.” Air chor ’s nach i a cheist, ciod a ni mi ann diaigh laimhe; ach, ciod tha m’ rún a dheanamh san ám so? Ma chuireas mo chridhe cealgoireachd sam bith, na rún suidhichte chum peacachadh as mo leith, ’s eigin domh cúl a chuir ri sin m’an dean mi cúmhnanta ri DIA: ach mar cuir mo chridhe a shamhuil sin do rún na do thogradh as mo leith; seadh, ma dh’fhaodas mi a’rádh, gu bheil mi ’g oirpeacha cuir ann aghai gach peacaidh; agus ge d’ a tha mi breithneacha gun stríochd mi do leithid sud no a leithid so do bhuaireadh, gidheadh cha ’n ann o rún suidhichte no togra sam bith gu sin a dheanamh a tha ’n smuain sin a’sruthadh, ach o eólas [TD 219] air mo thruaill’eachd fein, agus air na rinn mi cheana gu DIA a bhrosnucha chum mo thréigsinn: ach tha fios aig an TIGHEARNA nach é mo rún gu ’m peacaich mi, ’s nach ’eil tlachd agam do thogradh diomhair sam bith ann am chridhe a tha los am peacadh a chuir ann gniomh, ach b’é mo raoghain gu ’m bithinn air mo chumail air m’ais o pheacacha ’n a leithid sin do chás; agus tha mi ga m’ mheas fein a’m’ dhuine truagh, air son a shamhuil sin do chorp báis a tha ’n taobh a stigh dhiom, ni tha bagra gun d’thoir é orm peacacha ’na aghaidh. Ann sa chás sin, tha mi ’g rádh, “cha ’n ’eil mo chridhe ga m’ dhíte; uime sin tha dánachd agam am fianuis DE.” Ma sann mar so tha chúis, tha mi ’g rádh riut, ge d’a pheacaich thu air ioma doigh ann diaigh laimh, agus leis sin maith a dh’fhaoideadh ioma pian ro-mhór aimsireil a tharruing ort fein, ’s gu ’n cáill thu car tamuill ioma dearbhadh air a ghrádh; gidheadh “tha Fear-tagraidh maille ris an Athair chum maitheanas a thagra dhuit,” 1 Eoin ii. 1. a thug lán-díoladh air son ar peacaidh-ne, Isa. liii. 5, 6. “Bha é air a lot air son ar n ei-ceirtibh, bha é air a bhruthadh air son ar n ea-sontais; ’s ann air-sin a bha smachdachadh air síth, agus ’s ann le bhuillibh-sin a tha sinne air ar slánucha. Chaidh sinn uile amhuil mar chaoirich air seachran, chlaon gach aon againn ’na shlighe fein agus chuir an TIGHEARN’ air-sin ar cionta gu leir.” Agus air a shon-sa, tha DIA cuir roimhe gu ’n cum é gu dainnean an cúmhnanta ri daoine ann déis doibh peacachadh, Salm lxxxix. 30,—37. “Ma thréigeas a chlann mo lagh, ’s nach gluais iad ann am reachd; mu thruaill- [TD 220] ear leo mo naomh-reachd, ’s nach coimhead iad m’ áitheanta: gidheadh, cha bhuin mi gu tur mo chaoimhneas grádhach uaithe, ’s cha ’n fhuiling mi gu ’m fáillnich m’ fhíreantachd; cha bhrisear mo chúmhnanta leom, ni mó a chaochlas mi ’m focal a chaidh as mo bheul. Aon uair a mhionnuich mi air mo naomhachd fein.” Air neo cionnas “a cheangladh é ris fein sinn gu suthain siorruith?” Hos. ii. 19, 20. agus cionnas a bhiodh an cúmhnanta air a ghairm “’na choi’-cheangal bith-bhuan air a riaghladh ann sgach aon ni agus cinnteach,” mar biodh stéigh chum co’-fhurtachd ann, eadhoin ’n uair nach ’eil ar tigh mar sin ri DIA? 2 Sam. xxiii. 5. Seadh, Cha b’fhearr é na cúmhnanta n’an gniomh, nam bu chomasach do’n aitim a dh’inndrinn ann maille ri DIA, dealucha ris mar sin a rithist, air chor ’s gun deanadh iad neo-éifeachdach dhoibh fein é, ’s iad fein a chuir ann staid bu mheasa no ann san raibh iad m’ an d’rinn iad idir é, Jer. xxxii. 40. “Agus ni mi cúmhnanta siorruith riu, nach sguir a dheanamh maith dhoibh,” air a choimeas ri Eabh. viii. 6. “Ach anoise fhuair é ministreileachd is ro-fhearr, a mhéud gu bheil é mar an ceudna ’na Eadar-mheadhonair air cúmhnant is fearr, a chaidh dhaighneachadh air geallaineadh is fearr.” Mal. ii. 16. “’S fuathach leis an TIGHEARNA bhi cuir uaithe.” Cha ghabh cridhe treibh-dhireach sam bith mi-mhisneach dhe’ so, ach ’s dócha gu ’m bi é air a neartacha leis ann an dleasnas, Hos. xiv. 4. chum na críche sin, “Slánuichi mi an cúl-shleamhnacha, grádhaichi mi iad gu saor: oir tha m’fhearg air pilleadh uaithe-sin.—Co tha glic, agus tuig- [TD 221] idh é na nithe sin? crionna, agus aithnidh sé iad? oir tha slighibh an TIGHEARNA co’-thromach, agus gluaisidh na h ionracain ionnta.” Oir tha ceangluichcan eile air mnaoi dhíleas phósda, a bharr air eagal dealuchadh agus peanas le bás, a tha ’g a co’-éigneacha chum a dleasnas a cho’-lionadh; air an amhuil cheudna sa chúis so “bithidh eagal an TIGHEARN’ agus a mhaitheas air daoine,” Hos. iii. 5 Cunn. Rinn mi ann ám fritheala Suipeir an TIGHEARNA, agus air uairibh eile, cúmhnanta soilleir follaiseach ri DIA; ach tha cion tairbhe ’na shlighibh, agus m’ an-earbsa ath-nuadhaichte ma m’ staid ghrásmhor, a’toirt orm a chuir ann teagamh an d’rinn mi cúmhnanta treibh-dhireach, dúrachdach, neo-chealgach riamh ri DIA, ’s air leam nach ’eil é ’n comas domh a dheanamh air mhodh is dúrachdaiche na rinn mi cheanadh é. Freag. 1. Cha ’n ion do dhaoine dúil a bhi aca ri toradh a reir am miann, no dearbh-chinnte air deadh-ghean DE air ball ann déis doibh teicheadh dh’ ionnsui CHRIOSD, agus cúmhnanta follaiseach a dheanamh ri DIA ann-san: cumaidh na nithe sin duine ri gnáth-obair fad uile láitheadh a bheatha. Bha am fáillnean ’s am mearachdan fein ann sna naoimh, seadh, agus cúl-shleamhnucha maille ri ioma teum do mhi-chreidimh ro-chunnartach, ann diaigh dhoibh gabhail gu treibh-dhireach follaiseach dúrachdach ri DIA, mar an DIA ann an CRIOSD. 2. Tha fiuthair aig móran ri toradh ’n an gluasad, agus daighneacha creidimh, o’n dúrachd fein leis an d’rinn iad cúmhnanta ri DIA, a raoghain air fhaotuinn o Spiorad an TIGHEARNA. [TD 222] Tha ’n cridhe a’deanamh bun as an ionracas agus as an oirpean fein, ’s ni h ann a IOSA CRIOSD an Slanui’-fhear, neach as eug’ais nach ’eil é ’n comas duinn ni air bith a dheanamh, ’s nach ’eil annain ach diomhanas ann san staid is fearr ann sa bheil sinn. Bu chóir do dhaoin’ a thoirt fainear nach oibrich aon earran do ghrás tomhas air bith do ghrás; os-barr air sin, cha ’n ’eil ni air bith comasach air grás oibreachadh ach gaoirdein treun uile-chumhachdach JEHOBHAH: ’s nan leige daoin’ an taic’ ri CRIOSD, agus cúmhnant a dheanamh ris mar an lán-dhleasnas, ge b’é ni a leanadh, air a chuid bu lugha, a’dearcadh air-sin amháin air son toradh iomchui, b’ fheaird a shoirbhicheadh an gnothach leo. Cha ’n ’eil DIA toileach gu’n gabh daoine ri CRIOSD, ’s gun dean iad cúmhnanta ris car tamuill, gus am faic iad am bi a leithid sin do thoradh agus do dhaighneacha ’na cho’-chuideachd, a’cuir rompa gu ’n cuir iad cúl r’an cóir air, agus ris a chúmhnarta, mar bi a shamhuil sud na so do thoradh r’a fhaicinn air chionn na h urrad so do dh’ úine. ’S é so slighibh DHE a chuir gu d’fheuchainn, agus tha é ro mhi-thaitneach leis. ’S eigin do dhaoine gabhail d’a ríreadh ri CRIOSD, agus cúmhnant’ a dheanamh ris, a’cuir rompa na nithe sin a choimhead mar an dleasnas, agus mar dhoigh ullamh gu ruigheachd air toradh, ge b’é air bith ni a leanas ’nan lorg; air dhoibh fianuis a bhi aca ionnta fein, gu bheil iad gu dúrachdach a’g oirpeacha bhi reir r’a thoil fhoillsichte ann sgach aon ni; ’s gun do naisg iad cúmhnanta ris air son an aobhair sin, co maith ’s gu bhi air an sábhala leis. [TD 223] 3. Cha bu chóir do dhaoine bhi ro obainn gus an dúrachd leis an d’ rinn iad cúmhnanta ri DIA a chuir ann teagamh, mar ’eil ’iad murrach air a dhearbha gu soilleir, no deadh bharantas aca chum sin a dheanamh. Ma tha thu comasach air ceilg sam bith ann sa chúmhnant’ a rinn thu ris a dhearbha, tha mar fhiachaibh ort cúl a chuir ris agus a leasachadh, agus cúmhnanta dúrachdach a dheanamh ri DIA gu neo-chealgach: ach mar raibh fios agad air do chealgoireachd ’n uair a rinn thu ’n cúmhnanta ris; seadh, ma tha thu comasach air a’rádh, gun do leig thu chúis gu breith DHE san ám sin, gun raibh thu ’g a dheanamh gu neo-chealgach, ’s nach gnothach mealltach a bha d’rún a dheanamh; ’s gun do ghríos thu air, a reir fhíreantachd, gu’n ceasnuicheadh agus gun rannsuicheadh é ’n raibh ni sam bi neo’-iomchui ionnad, ’s ma bha, easan ga fhoillseacha dhuit, ’s ga leasacha. “Rannsuich mi O DHIA, agus faic mo chridhe, fidir mi, agus faic mo smuainte: agus feuch a bheil slighe aingidh air bith ionnam; agus treóruich mi ann san t slighe shiorruith,” Salm cxxxix. 23, 24. agus gun d’thainig thu ’n diaigh sin a dh’ionnsuidh an t soluis, chum ’s gu’m biodh do ghniomharadh air an deanamh follaiseach, Eoin iii. 20, 21. ’s ma tha thu murrach air á rádh, gun raibh freagra DHE dhuitse o fhocal, co fad ’s a b’ urrain duit an tuigsinn, ’n an comharan air síth, ’s ’nan dearbhadh air do dhúrachd ’s air do threibh-dhireas. Seadh os-barr, ma tha thu saor gu rádh, g e d’a bhitheadh tu a rithist gu cúmhnant a dheanamh ris aig uair a bháis, nach b’urrain duit a dheanamh air dhoigh sam bith [TD 224] eile, no le barrachd dúrachd na rinn thu cheana é: faodai mise ma’ta a’ rádh riut, ann ainm an TIGHEARNA DIA, nach cóir dhuit an cúmhnant a rinn thu ris a chuir ann teagamh, no idir an dúrachd leis an d’rinn thu é, ach “dánachd a bhi agad ann láthair DHE, o nach ’eil do chridhe ga d’ dhíte,” 1 Eoin iii. 21. agus tha mar fhiachaibh ort a chreidsinn, gu bheil “DIA a’buntainn gu co’-thromach ris an duin’ ionraic, agus do’n duine ghlan tha é ’ga nochda fein glan,” Salm xviii. 25, 26. Ma tha duin’ a’cuir roimhe bhi gu neo-chealgach, cha ’n fhuiling DIA dha bhi air a mhealladh; seadh, cha leig an TIGHEARNA do dhuine sam bith bhi air a mhealla, m’ar bi an duine air thí araon DIA agus daoin’ a mhealladh. 4. Uime sin cuir do chion tairbhe as leith do mhi-fhaicill agus do mhi-chreidimh, agus cuir easbhui do dhearbh-chinnte as leith do chridhe aingidh mi-chreideach, air a chuideacha le Satan chum cuir ann aghai saor ghrás glóirmhor DHE; agus na cuir na nithe sin as leith cion dúrachd ann an gabhail ri CRIOSD. Agus oirpich o so amach buanacha dlú do’n fhreumh, agus bheir thu ’mach tuille toraidh; agus tre shamhuil sin do thoradh tha thu ga d’ leige fein sgaoilte ri fianuis Spiorad DHE, a bheir fianuis le d’ spiorad fein, gun do ghabh thu gu treibh-dhireach dúrachdach ri DIA, ’s gu bheil a chuid eile do d’ oibribh air an oibreachadh ann an DIA, agus taitneach leis; agus mar so tha fianuis an Spioraid agus an uisge a’ co’-aontacha leis an fhuil, air a’bheil thu ri cud-throm t anama agus do choguis a leigeadh, agus amháin far a’bheil thu ri malluchdan an lagha a [TD 225] dhlighear dhuit air son t uile pheacadh a chuir fa chois. Tha ’n triuir sin a’co’-fhreagradh ann aon, sin r’a rádh. Gur é so slighe na beatha agus na síth, ’s gu bheil cóir agad air, agus mar so thig thu gu mór-fhois ’s a chum lán-chinnte mu d’ staid, Eoin xv. 4, 5. “Fanuibh ionnamsa, agus mise ionnaibhse: Mar nach urrain a’gheug toradh a thoirt uaipe mar fan i san fhíneamhuin: cha mhó is urrain sibhse, mur fan sibh ionnamsa: ’S mise an fhíneamhuin, sibhse na geuga: an ti dh’fhanas ionnamsa, agus mise ann-san, bheir easan mór-thoradh uaithe; oir as m’eug’ais-se cha ’n ’eil é ’n comas duibh aon ni a dheanamh.” Eoin xiv. 21, 23. “An ti aig a’bheil m’ áitheanta-sa, ’s a tha ’g an coimhead, ’s easan aig a’bheil grádh dhomh-sa: agus an ti aig a’bheil grádh dhomh-sa, grádhaichear easan le m’ Athair-se, agus grádhaichi mise é, agus foillsichi mise mi fein da. Ma ghrádhaicheas neach mise, coimheadaidh sé m’fhocal: agus grádhaichi m’Athair easan, agus thig sinn d’a ionnsuidh, agus ni sinn cómhnui’ maille ris.” Rom. viii. 16. “Tha ’n Spiorad fein a’ deanamh fianuis maraon le ’r spioraid-ne, gur sinn clann DHE.” 1 Eoin v. 8. Tha triuir a tha deanamh fianuis air an talamh, an Spiorad, an t uisge, agus an fhuil: agus tha’n triuir sin a co’-fhreagradh ann aon.” O chúmhnanta bheannuicht an nuadh cho’-cheangail, agus Eadar-mheadhonair uile-bheannuicht a cho’-cheangail sin, marcaicheadh easan gu h árd buadhach, agus ceannsuicheadh é cinnich agus * cámhnuinnean, agus cruinnicheadh é áilleagain r’a chéile, a chuideachd urramach sin do’n cheud-ghin, a chuideachd mhaiseach sin do righ- * languages [TD 226] ribh agus do shagartaibh, leis am meas ro mhór gun d’ ionnail iad an truscan ann am fuil an UAIN a tha gun smal gun lochd, agus aig am bi an sonas a’ sior mheudacha le bhi ’ga leantuinn-san ge b’é taobh a theid é, ’s a bhi ann an cuideachda neo-mheadhonach an DIA shiorruith, neach a bheir aon sealla d’a ghnúis orra gun dí-chuimhnich iad ann an seadh, gun raibh iad riamh air an talamh. Och! nam b’ urrain mi a chuir am fiachaibh air daoine nach ’eil na nithe sin ’n an seadh agus ’n an ni h eadh, ’s gun deanadh iad cabhag chum dol d’a ionnsuidhs’, a tha le dian-chabhaig a’tighinn a thoirt breith air an t saoghal, agus chum daoin’ a ghairm gu cunntas, gu h áraidh mu thimchioll an fheum a rinn iad do’n t soisgeul so. “Seadh, thigse, A THIGHEARNA IOSA.” CRIOCH.