[TD 1] LEABHAR Ceasnuighe Aithleasuighte, ATA NOCHDA MEARACHDA SONRUIGHTE EAGLAIS NA ROIMH. Ath Chlo-bhuailt’ le LEASACHAIBH Eagsamhail thaobh Firineadh, Ughdarrais, agus Riosunaidh. Leis am bheil e air a dhearbha’. I. Nach ’eil coir air bith aig’ a Phapanachd AOSTACHD agairt. II. Gu ’m bheil i na mòr THRUAILLEACHD air CRIOSTUI’-EACHD. III. Gu ’m bheil i cur mar fhiacha TEAGASGA’ agus Bar’aile ata MILTEACH do ’n UACHDRANACHD THALMHAIDH. Air Eidear-Theangachadh gu GAIDHLIG ALBANNAICH le Neach aig’ am bheil Deagh Rùn do Fhirinn, agus do Shìth. ’Noise deir an Spioraid gu soilleir, ann sna h aimsiribh deireannach gu ’n treig dream araidh an creidimh, a’ toirt aire do spioradaibh mealltach, agus do thsagasgaibh dheamhan: A’ toirmeasg posaidh, agus ag iarrridh bidheanna a sheachnadh, a chruthaich Dia chum an gabhail maille re breith buidheachais leosan a ’ta creidsin, agus aig am bheil eolas na firinn. 1 Tim. iv. 1, 3. A mhnintir ionmhuinn, na creidibh gach uile Spioarad, ach dearbhaibh na Spiorada, an ann o Dhia ata iad. 1 John iv. 1. Uime sin thigibh amach as am meadhon, agus dealaichibh riu, deir an Tighearna, agus na beanaibh ris an ni neo-ghlan; agus gabhaidh mise a’m’ ionnsuidh sibh, agus bithidh mi a’m’ Athair dhuibh, agus bithidh sibhse ’nar mic agus ’nar ingheana dhamh-sa, deir an Tighearna uile-chumhachdach. 2 Cor. vi. 27. 28. Clo´-buailt’ ann DUN-EUDAIN, Le DAIBHIDH MAC-PHATRIC. MDCCLXXIX. [TD 2] [Blank] [TD 3] LEABHAR CEASNUIGHE AITHLEASUIGHTE a Nochdadh MEARACHDA SONRUIGHTE EAGLAIS NA ROIMH. Ceist. CREID an Creidimh ata thu ’g aidmheil? Freagradh. Ata me do’n Chreidimh Aithleasuighte. C. Ciod ata thu cealluchadh le Aithleasaighte? F. Aon nach ’eil a’ gabhail re teagasg air bith, mar riaghail creidimh, ach a mhead ’s a ’ta ann fan scrioptur naomh; agus ris an abrar Protestanach, thaobh bhi togbhail fiaghnais an aghaidh mearachda eaglais na Roimh. C. Ciod ata thu cialluchadh le Papanach, no Romanach Coitchinn? F. Aon at ’g admheil umhlachd do’n Phapa mar cheann eaglais Choitchinn Chriost air thalamh, agus do uil’-aitheantaibh agus riaghailtibh eaglais na Roimh; agus bhi ag creidsin gach teagasg agus reachd ata ’n eaglais sin ag teagasg, nithe ata sinne ’ta ’g admheil a chreidimh aithleasuighte ’meas gu bheil moran dhiubh ’nam peacadh agus lan mearachd, mar ata iad an aghaidh focail De, no ar a chuid as lugha gun bhunchar air bith ann. C. An ainmigh thu cuid dhúibh sin dhamh? F. Feadar an togbhail faoi’ thri chinn choitchinn. I. Na h àitheantaibh agus na reachdaibh eaglais na Roimh ata lochdach na nadur fein, mar ata iad gu direach an aghaidh áitheanta Dhe. II. Na teagasgaibh sin eaglais na Romh ata ’ndara cuid a’ toirt misneach do dhaoinibh an gniomhartha peacach; no’ ta ’g an tarraing chum peacaidh gun fhios. III. Na cinn chreidimh, ata eaglais na Roimh ag teagasg, nithe mar ata iad an aghaidh nan scrioptuir naomha, ata ’na mearachda ro-chuntartach. I. C. Creid iad na h áitheantaibh agus na reachdaibh sin eaglais na Roimh, ata gu direach an aghaidh áitheantaibh Dhe? [TD 4] F. A chuig sin a leanas, gu sonruighte. 1st. Bhi ag diùltadh do ’n phobul saor ghnathacha’ nan scrioptuir naomha. 2d. Bhi ag diúltadh a chupain do ’n phobul ann san t sacramaint. 3d. Bhi ag ordugha’ urnaigh fhoilleasach a chur suas ann an cainnt nach tuigear leis a phobul. 4th. Bhi ag òrdugha’ urnaigh a dheanamh re naoimh agus re ainglibh. 5th. Bhi ag órdugha’ iomhaghin a chur suas ann nan eaglaisibh chum as gu streacha’ daoine sios ’nan lathair. C. Cionnas ata thu co-ducha gu bheil bhi diultadh saor ghnathacha’ nan scrioptur do dhaonibh gu soiller an aghaidh focal De? F. Do bhri ’gu ’m bheil è air àithne gu soilleir do gach duine an leughadh. “Rannsaichibh na sgriophture, oir ata sibh saoilsin gu bheil a’ bheatha mhairtheanach agaibh ionta-san,” Eoin v. 39. Ata ’n t abstal ag sparradh air na braithribh uil’ a litir a leughadh, 1 Thess. v. 27. agus ata ’n Tighearna le Maois, ag áithne do an h uile, na scrioptuire naomh a leughadh agus a thuigsin, air achd as gu ’m bitheadh iad comasach an teagasg d’ an sliochd: “Uime sin taisgidh sibh suas mo bhriathra sin uile ann ar criodha, agus ann ar ’n anamaibh,—agus teagaisgibh d’ ar clainn iad,” &c. Deut. xi. 18, 19. Agus do bhi na Bereanaich air an cliuachadh air son bhi rannsuchadh nan scrioptuire gach aon la, Gniomh xvii. 2. agus ata a chliu so ag dearbha gur dleasdanach bhi leughadh nan scrioptuire, amhail as mar gu ’m b’ àithne è. C. Nach raibh aithreachuidh na h eaglais ag teann sparradh air daoinibh na scrioptuire naomh a leughadh? F. Bha iad. “Na smuainteachibh, (deir Austin ris an t sluagh) gur leóir dhuibh na scrioptuire a bhi agaibh san eaglais, ach mar an ceadna ’n ’ar ’n ionadidh-comhnaidh, chum ’s gu leugha sibh [TD 5] iad; no fúigheadh neach eile chum an leughadh dhuibh.” Agus “b’ fhearr leam, (deir Origin) gu deanamaid mar ata é sgriobhta, Na scrioptuir a rannsuchadh.”—Agus deir Chrysostom, “Eistibh rium a shluagh choitchinn, sibhse a mhuintir an t saoghail, fuigheadh am Biobul, an ioc-shlaint fhallain anma sin, ata leughadh nan scrioptuire naomha n’ as feumaile dhuibhse na ’ta é do ’n mhanach*.”—Agus ata Jerom ag innseadh dhuinn, “Gu ’n cluinteadh an crann-fhearr ann sa mhachair a’ seann Laoidheadh-molaidh, agus an luchd oibrigh ann san fhion-ghara a seann Sailm Dhaibhi.”—Agus ata ’n t athair diadhaidh so cuideachd, ag aithris air Paula, bain-tighearna chrabhach ann sna laithibh sin, agus ag radh, “Gu roibh é mar fhiacha air a h óighibh, gun aon là a leigeil thairis gun chuibhroinn eigin do na scrioptuire fhoghlum.”—“Ata è feumail (deir Basil) do’ n dream ata óg ann an diadhachd na scrioptuire, fhoghlum chum ’s gu ’m bitheadh an inntin air a daingneacha ann an diadhachd, agus chum ’s nach bitheadh iad air an cleachduin re beul theaguisg dhaoine.” C. Nach ’eil na Papanaich a cur rompa, gu raibh an comas a fhuair an sluagh air an scrioptuir a leughadh, na chionfath air iomadh mearachd? F. Ata iad: Ach ata na mearachdaibh sin ag togbhail cinn gu h araid, o ain-eolais air na scrioptuire maille re uaill, dulchanachd, agus mianna docharach. C. Ach nach raibh na scrioptuire air uaireadh, air a mioghnathàch’, agus air an truailleadh leis na h ain-eolaich, agus dream neo’-fhoghloimte? F. Ge do dh’ fheadadh so tachairt air uaireadh, cha deadh riosunt é an aghaidh leughadh nan scrioptuire,—ata na nithe as fearr air an t saoghal buailteach do ’n mhio-ghnathacha’ so, agus é da rireadh * Fear do ’n chleir. [TD 6] ag tachairt,—eadhon, slaint, solus, saorsa, co mhaith re eólas.—Ach am feadar uime sin, an toirt air falbh?—Am feadar fàth eólais a ghabhail air an fhirinn a bhacadh do dhaoinibh, air eagal tuiteam ann a’ mearachd? C. Cionnas ata thu co-dughadh gu bheil e gu soilleir an aghaidh focail De, bhi diultadh a chupain do ’n t sluagh san t sacramaint? F. Ata e gu soilleir an aghaidh briathra Chriost ann a h ordugha; “Oluidh uile dheth,” Matth. xxvi. 27. Agus ata ’n t abstol Pol ag toirt áithne do gach neach a dh itheas do ’n aran, òl do ’n chupan mar an ceadna, 1 Cor. xi. 28. Ata e r’ a thoirt fainear os-bar, Gu bheil luadh air a chupan ann san Tiomna Nuadh, n’ as trice no air an aran. C. Nach ’eil comhairle Chonstance, ag aidmheil gu d’ órduich agus gu ’n d’ tug Criost seachad an t aran agus am fion ann an sacramaint na suipeir, agus gu be gnathacha nan creidmheach o shean an gabhail le cheile? F. Ata; ach ge d’ aidmhich iad órdugh Chriost, agus gnathachadh na h eaglais o shean a bhi mar so, Gidheadh, dh’ órduidh iad, nach gabhadh neach air bith an cupan ach na sagairtibh.—Agus ata comhairle Trent ag cur an ceill, “Co air bith a smuainteachas gu bheil e feumail do ’n phobul an gabhail le cheile, gu ’m bheil é mallaighte.” C. Am bheil na Papanaich a’ toirt riosunaibh air son a’ chupain a chumail o ’n t sluagh? F. Ataid: Is iad sin a leanas cuid do na ’s cudthromaiche dhiubh, 1. An d’ eagal gu ’m bitheadh fuil Chriosd air a dórtadh air an lár. 2. ’N deagal gu’ rachadh am fion coisreigte a ghleidher air son nan daoine tinn a’ mugha. 3. Do bhri ’gu bheil moran nach urra boladh no blas fiona fhulang. 4. Do bhri ’gu bheil fion ro-ghann ann cuid do dhuthchaibh.—Thaobh a’ cheud riosun dhiubh sin, ata é co mhaith an aghaidh an arain, no ’n abhlain a [TD 7] thabhairt, oir feadaidh e briseadh agus tuiteam air an làr, no bhi air a chasachd amach leis an luchd comoineacha.—Thaobh an dara riosun, ata na Papanaich ag deanamh feim dhe le moran mi-dhreach, do bhri’ nach eil’ iad ag amharc air an fhion an diaidh a choisreagadh, mar fhion, ach mar fhuil Chriost, ni nach fhead air doidh air bith dol a’ mugha.—Thaobh an treas, agus an ceathramh riosun, cha ’n fheadar idir an sparradh mar riosunaibh ann ’s ’gach duthaigh, a dhiultadh a chupain do ’n phobul. C. Ciod e is gnathacha ’do na Greugaich, agus do eaglaisibh eile ann san airde an Ear ann sa chuis so? F. Be an gnathacha’ o thoiseach, agus gu ’n uig an lá duigh, an t sacramaint a fhritheoladh do ’n phobul ann san da ghne. C. Nach ’eil iomadh sgriobhach Papanach ag aidmheil, gu raibh na Criostaibh o shean, re iomadh linn, a ’gabhail na sacramaint air an da sheol? F. Ata iad, eadhon. Eccius, Salmeron, Lindamus, Valentia, Costerus, &c. ag aidmheil so.—Agus ata Cassander ag aidmhicheadh, “Gu raibh an eaglais o shean, air a chuid as lugha ann sgach frithealadh foilleasach re mile bliadhna ann diaidh Chriost, ag toirt nan elimeinte le cheile do ’n phobul. Consult. Art. 13. Ata Papa Leo an t ainmeil, ag innseadh dhuinn’, gu ’n do thoiseach an gnathacha so, bhi ag gabhail faoi’ aran amhain, leis na h eirceachdaibh Manicheanach. Agus ata Papa Gelasius ag ordughadh, “Mar gabhadh iad le cheile iad, gu bitheadh iad air an conbhail uapa le cheile.” C. Cionnas ata thu dearbha, gu bheil bhi deanamh urnuigh ann an cainnt nach tuigear leis an t sluagh, choitchinn an agaidh àithne shoilleir De? F. Ata ’n t abstol Pol, ag toirmeasg a ghnathacha so leis na briathraibh as treise, trid a cheathramh caibdeil deug d’ a cheud litir chum nan Corinthi- [TD 8] anach, gu h iomlan. “Oir ma ni mise urnuigh an teanga choimheich, ata mo spiorad ag deanamh urnuigh, ach ata mo thuigse neo’-tharbhach, (thaobh dhaoin’ eile.) Cionnas a deir an ti a’ ta an áite an duine gun fhoghlum, Amen, mar tuig è ciod é ata thu ag radh?” agus airis, “Mu thig an droing ata gun fhoghlum a steach, no daoine mi chreid’each, nach abair iad gu bheil sibh air boile?” C. Nach raibh gach duthaigh ag deanamh adhraidh foilleasach na n cainnt fein ann sna ceud linnibh do ’n eaglais? F. Bha. Be so an gnathacha’ seasmhach, re tuilleadh as sea ceud bliadhn’ ann diaidh Chriost, agus cha ’n ’eil daoine foghlomte eglais na Roimh a’ cur na aghaidh so.—Ata * Cardinal Cajeton ag radh, “Gu b’ fhearr gu mor gu ’m bitheadh an gnathucha air aisig airis.”—Agus ata Bellarmine ag aidmhiche, “Gu raibh na h Armenianaich, na h Egyptich, na h Ethiopanaich, na Russianaich, agus droing eile, a ’gnathacha an cainnt fein ann na n cràbhadh foilleasach.” C. Ciod e an t ughdarras leis am bheil eaglais na Roimh a ’cur mar fhiacha air daoinibh urnuighean a dheanamh ann an cainnt nach tuig iad? F. Le h ughdarras fein amhain; cha ’n ’eil í cuir roimpe barrantas o ’n scrioptuir, no o ghnathacha ’na h eaglais o shean ann sa chuis so, ach ag radh gu dàn, “Gu bheil cumhachd aice atharrach, no nithe nuadh a thoirt a steach a reir mar bhios nadur na cuis, agus na h aimsir ag iarruidh, agus de reir na coir so, ataid ag agairt, feudair fiadhnais na scrioptuiribh, agus gnathachadh na n ceud linnibh do ’n eaglais a chur a thaoibh le ordugh eaglais na Roimh.” C. Nach ’eil e ro mhi-riusanta, seadh fos mi-dhiadhaidh, ann eaglas na Roimh, bhi ag ordughadh adhradh crábh- * Priomh-cheann. [TD 9] ach a choimhead ann an coinntin nach tuigear? F. Ata: Oir ma ta e feumail gu ’n tuigeadh daoine ni air bith a ni iad ann an crábhadh, agus ma ’ta urnuigh na h aon do ghniomhartha ro shonruighte a chrábhaidh sin, ’séigin gu ’m bheil e ann sa cheim as airde mi riusanta, agus mi-diadhaidh teachd ann lathair an De neo’-chriochnaich ann cánmhuinn air am bi duine ain-eolach gu h uile. C. Nach ’eil e coslach gu ’bheil eaglais na Roimh fiosrach gu bheil a teagasg, a runaibh, agus a gniomhartha cronail, thaobh gu bheil i ag ordughadh a h adhradh ann cainnt nach tuigear? F. Ata. Agus gu dimhin, ’s i mo bharail, gu bheil riaghliu’-fheara na h eaglais sin co glic ann a’ ginealaich, as gu bheil iad ag tuigsin, gur h e an dorchadas ataid a conbhail suas na ’m bòthaibh ata bacadh do ’n t sluagh mearachd an airneis a thoirt fainear. C. Cionnas ata thu co-dughadh gu bheil adhradh agus urnuigh re ainglibh agus re naoimh, ata air ordughadh le eaglais na Roimh ann aghaidh áithne shoilleir Dhe? F. Do bhri’ gu ’m bheil an gnathacha’ so gu soilleir air a thoirmeasg, Col. ii. 18. 19. “Na mealladh aon neach bhur duais uaibh le irioslachd thoileil, agus ádhradh do ainglibh, a’ foirneadh a steach gu dana chum nan nithe nach facadh e, agus gun an ceann a chumail,” (Josa Criost.) Agus ata sinn ag leughadh, gu do dhiult aingeal an t ádhradh so. “Feuch nach dean thu é,” deir an t aingeal re Eoin, “oir is mise do cho’-shearbhiseach, dean àdhradh do Dhia,” Tais. xix. 10. C. Nach ’eil cuid do na sgriobhaich Papanach ag aidmheil, nach raibh urnuighean re naoimh ga n gnathacha re 300 bliadhn’ ann diaidh do Chriost teachd a dh’ionnsuidh ’n t saoghail? F. Ata. Gu sonruighte ann * Priomh-cheann Perron, Richlieu, agus cuid eile. Agus ata e ’ra * Cardinal. [TD 10] thoirt fanear, gu bu choir do ’n riosun ataid ag toirt air son dearmad nan sean linnibh air a ghnathacha so, an cumail gu brath o ’n ghnathacha’ sin a thoirt a steach do ’n eaglais, “gu ’m bitheadh e tuilleadh as cosmhail re iodhol-adhradh nan cinneach, agus mar so gu ’m bacadh e craobh sgaoile an t soigeul.” C. C’ uin’ a thoiseach urnuighean fhoilleasach re naoimh ann san eaglais? F. Cha ’n ’eil a soilleir gu raibh so air a dhaingneachadh gu ’n uig bliadhn’ ar Tighearna 787, ’n uair a dh’ orduigh dara comhairle Nice iad, agus do bhi a chomhairle so air a diteadh le comhairl’ eile ann am Frankfort, ann sa ’n bhliadhna 794, agus do bhi ádhradh re naoimh mar an ceadna, air a dhiteadh le comhairl’ eile roimh an am sin aig Constantinople ann sa bhiadhna 754, far an roibh 338 easboig a’ lathair. C. Nach ’eil Solamh ann urnuigh re Dia ag radh, “Is thusa, eadhon thusa amhain, ata fiosrach air croidheibh chloinn nan daonibh uile,” Nach breislich mi-dhiadhaidh ma ’ta, bhi smuainteacha’ gu bheil aingle, na naoimh eolach air croidhibh dhaoine, agus gur cusboire adhradh iad? F. ’Seadh. C. Nach ’eil uirnuigh re naoimh agus ainglibh ag deanamh eacoir air ar Slan’ui’fhear beannuighte? F. Ata, a mhead as ata è a ’meas nach ’eil eideir-mheadhoinearachd Chriost leoir fhoghainteach, ’n uair ata daoin’ a’ cur suas coi-lion eidir-mheadhoineara maille ris sin, ge ta ’n scrioptuir ag luadh “air aon Eidir-mheadhoinear amhain eidear Dia agus daoine, an duin’ Josa Criost, a thug e fein mar eiric air ar soinn.” C. Nach ’eil na Papanaich ag agairt eisempleir Jacob air son urnuigh re ainglibh? F. Ataid: Ach rinn Jacob urnuigh amhain ris an aingil a shaor é, eadhon Josa Criost, a thaisbean e fein gu tric do na priomh aithreachaibh, agus ris [TD 11] an deir Jsaiah, “Aingeal latharachd an Tighearna,” Isa. lxiii. 9. C. Nach ’eil e air innseadh dhuinn gu ’m bheil gairdeachas ann lathair aingle De re iompughadh peacaich? F. Ata: Ach ge do dh’ fheadas Dia iompughadh peacaich a nochdadh do ainglibh, agus do naoimh air neamh chum an sonas a mheadacha; ata atharrach’ mor eidear so agus eólas a bhi aca air croidhe dhaoine air thalamh, ni a bhuineas do Dhia amhain, agus as eagmhuis so, cha ’n fhead iad bhi na n cusboire adhraidh. C. Cionnas ata thu cho’-dughadh gu bheil e ’n aghaidh aithne shoilleir Dhe, bhi ag ordughadh iomhaighean a chuir suas ann an teampuil, chum s’ gu striochda am pobul sios nan lathair? F. Ata ’n gnathach’ sin air a thoirmeasg co shoilleir, as dh’ fheadas briathra ’a labhairt ann san dara h áithn’. Exod. xx. 4, 5. “Na dean dhuit fein íomhaigh shnoighte, na striochd sios, agus na dean ádhradh dhoibh.” Agus Deut. xvi. 23. “Ni mo a chuireas thu suas iomhaigh air bith, ni as fuathach leis an Tighearn do Dhia.” C. Nach’eil na Papanaich fiosrach gu bheil an gnathacha ann so, an aghaidh sin agus an leithid do áitheantaibh? F. Is cosmail gu bheil iad: Oir ann am moran d’ an ceasnuchain, ata ’n dara áithne, air a fagail a-mach; do bhri’ gu bheil í co-direach ag diteadh an gnathachaidh, agus chum an t aireamh a dheanamh suas, ataid a’ roinn na deicheamh àithne na dias. C. Ach nach ’eil iad’ a’ cur an ceill, nach ’eil iad a’ deanamh adhraidh ris an iomhaidh, ach a deanamh adhradh re Criost, agus re naoimh trid nan iomhaighean sin? F. Ataid; ach cho ghabh so an leith-sgeul o pheacadh iodhol adhraidh; oir ata ’n áithne gu soilleir ag radh, “Na dean iomhaidh shnoighte air bith. “Na crom sios na lathair. Na cuir suas i.” Agus gidheadh, ata na Papanaich uile ga dheanamh so nan teampuil, agus nan ionadaibh ádhraidh gun saòradh. [TD 12] C. Nach ’eil moran do sgriobhaibh nan sean aithreachd ag saothracha ann bhi diteadh ádhraidh iomhaighean, no bhi ga n gnathacha’ mar chognamh do chrábhadh? F. Ata. C. Naeh ’eil Austin ag amharc air ádhradh iomhaighean, mar ni o ’m bheil cron ag srutha air intinne dhaoine? F. Ata é, oir deir eisean, “N’ uair a churear suas dreach, cruth, no dealbh duine o ’s aird, ann diaidh dha toiseacha’ air urram agus onoir fhaghail o ’n mhor shluagh, ata e gintinn ann s gach duine na h ainminaibh gu mearachd as graineala, agus ge nach mothaigh e san iomhaigh sin, gluasachd bheothail nadura’ air bith, gidheadh saolaidh é gu bheil dee eigin an taobh stigh dheth.” August. air Salm. 113. C. Ge ta chuis mar so, Nach ’eil Bellarmine an gaisgeach mor air son na ’m Papanach ag radh, “Nach ’eil ádhradh r’ a thoirt do iomhaighean amhain mar eisempleiribh, ach mar an ceadna gu direach, agus da ’n taobh fein, chum ’s gu suidheicheadh an t adhradh orra san?” F. Ata é ag radh so. Faic Tom. iii. Disp. 6. d’ a sgriobhaibh. C. Am bheil e fior gu bheil na Papanaich a’ dol co fhada gu h an dana, as bhi cur a mach na Diadhachd, agus na Trionad Naomha, le iomhaighibh agus le dealbhaibh? F. Ataid. Oir ata iad ag taisbean Dhia an t Athair, cosmhail re sean duine, le Josa Criost na uchd, agus an Spiorad ois an ceann an cruth colman; mi-dhiadhachd cosmhail ris na Cinneach, dream “a chaochail gloir an De neo’-thruaillidh, gu cosamhlachd iomhaigh dhuine thruaillidh,” Rom. i. 23. C. Nach ’eil Aquinas, Bonaventure, agus oluidh* eile Papanach a’ faghail cron do adhradh iomhaighean? F. Ataid. C. Ciod a bha’rail a bh’ aig’ Gregory am Papa Ainmeil a bha ann san t seathadh linn, mu ádhradh iomhaighean? * Daoine foghloim’te. [TD 13] F. Bha e diom-buin’each do ádhradh iomhaighean, mar ata a litir gu Senecius ag nochda: Ni mo bha ádhradh le iomhaighibh air òrdughadh gu foilleasach san eaglais gu deigh an 700 bliadhna, ’n uair a bha e air a dhaingneacha’ le órdugh comhairle Nice. C. Ach ciod i do bhar’ail mu ádhdhradh do ’n Oighe Muire, ris am bheil na Papanaich ag deanamh tuilleadh urnuighean na re Josa Criost? F. Gur iodhol-ádhradh da rireadh so: Oir ge ta ’n Oighe bheannuighte air a glóruchadh air neamh, gidheadh is creatuir amhain ì, agus ni bheil àithne, no eisempleir air son an ádhraidh so am focal De, ni a sdiuras gu tearuinte sinne. C. An d’ tug ar Slanui’-fhear misneach ann ádhradh thoirt d’ à mhathair? F. Cha d’ tug ach a cheart atharrach; oir an uair a dh’ iarr ì ni eigin air, fhreagair è: “Creud mo ghnothuchsa riut, a bhean?” Eoin ii. 4. Agus an uair a dhinnseadh dhá gu raibh a mhathair agus a bhraithre nan seasamh a muigh ’ga iarruidh, a dubhairt é, “Co ì mo mhathair, no mo bhraithre?” gun aontuchadh suim a ghabhail diubh. C. C’ ar son a thug ar Slanui’fhear co beag urram d’a mhathair san am sin? F. Thaobh coslais, a thoirt mi-mhisneach do ’n iodhol-àdhraidh a bha fios aige ann san tuiteadh eaglais na Roimh ann an ádhradh a thabhairt dhi; oir am be rún gun deanamh na Criostuidhean urnuigh ria, bheireadh e tuilleadh urram dhith am fiadhnais na t sluaigh. II C. Osbar air na h àitheantaibh agus na reachdaibh eaglais na Roimh a roi’-ainmeicheadh, agus a dhearbh thu a bhi peacach, a dubhairt thu, gu bheil cuid do THEAGASGAIBH aig’ an eaglais sin, ata ’n dara cuid gu soilleir ag toirt misnich do dhaoin’ ann gniomhartha’ peacach, no g’ an aomadh chum peacaidh gun fhios: Creud iad na gneibh sonruighte dhiubh sin? [TD 14] F. Ainmiche mi seachd ameasg morain eile. 1 Gu ’m fead Criostui’ean oibreadh thar barrachd a dheanamh, (se sin) gu fead cuid a dhaoinibh tuilleadh fearta a bhi aca no tha feumail chum slainte, agus uime sin, gu fead iad cuid do dheadh thoilteanas a sheachna’ air son tairbh do chach, air am bheil e dh’ easbhuidh. C. Cionnas ata thu dearbha gur teagasg breige so? F. O’n chuigeadh caibdeul do shoisgeul Mhatha 48. rann. Ata ar Slanui’-fhear ag áithne dhuinne “bhi diongmhalta, ’mar ata ar ’n Athair air neamh diongmhalta.” Agus ann san 17 caib. do shoisgeul Lucas, rann 10. Ata é ’g iarruidh air daoinibh, “N uair a ni sibh na huile nithe a dh’ áithneadh dhuibh, abruibh, Is seirbhisich neo’-tharbhach sinn, oir rinn sinn an ni bu dligheach dhuinn a dheanamh.” C. Nach ’eil an teagasg Papanach thaobh fearta deadh-oibreadh mi-reusanta ann fein? F. Ata: Oir chum ni air bith a thoiltin o Dhia, chuireadh sin faoi fhiacha dhuinn’ eisean, d’ am bheil sinne faoi fhiacha air son gach ni a dh’ fheadas sinn a mhealtain; osbar, ata ar seirbhiseadh as fearr neo-dhiongmhalta, agus air am measga’ le peacadh. C. O nach fhead aon neach ni maith air bith a thoilltin o Dhia air a shon fein, am fead e air chor air bith a thoilltin air son neach eile? F. ’S cinnteach nach fhead; agus uime sin, cha ’n fhead oibreadh thar barrachd a bhi ann. C. Ciod e ’ta Bellarmine ag radh mun chuis so? F. Ata e ’g aidmheil, “Gur h e as tearuinte agus is cinnticheadh ar ’n uil’ earbsa chur ann trocair Dhe amhain, do bhri’ gu bheil ar ceartas fein neo’-chinnteach, agus thaobh cunntart gloir dhiomhain.” Faic Bellar. air firinnecha. C. Cionnas ata thu dearbha nach fhead aon duine co-pairt a bhi aige ann deagh thoillteanas duin’ eile? F. O bhriathraibh sin an Tighearna, Esec. xviii. 4, 20. “An t anam a pheacuigheas gheabh se bás. [TD 15] Bitheadh ionracas an ionracan air fein, agus bitheadh aingidheachd an aingidh air sin.” Agus Gal. vi. 4, 5. “Ach dearbhadh gach neach obair fein, agus ann sin bithidh adhbhar uaill aige d’ a thaobh fein amhain, agus ni h ann a thaobh neach eile; oir giulainidh gach neach uallach fein.” C. Creud iad na h uilc ata srutha a ’n teagasg so? F. Ata, an impidh no bharail so, gu ’m bheil tuilleadh fearta aig’ duine’ na ’ta feumail a ’cur as do irioslachd, agus ag altrom uaibhreachais agus bhi ’g earbsa re deagh-oibreadh dhaoin’ eile, a dheanamh suas a h easbhuidh ann fein; cleachdaidh so dha bhi n’ as dearmaideich air a dhleasdanas, agus ni as ullamh chum e fein a cheaduchadh ann am peacadh. C. Creud iad na teagasgaibh eile Papanach ata toirt misnich do dhaoinibh ann gniomartha peacach? F. Teagasg an aontuchaidh, no logha cionta ni ata ’m Papa a toirt seachad air son airgiod; ach ata so ag fuasgladh co mór chum gach mio-nos, agus co shoilleir ann aghaidh focail De, as gu bheil na Papanaich anois a’ gabhail naire dheth, air a chuid as lugha ann duthchaibh Aithleasuighte. C. Am bheil aon air bith do shean aithreachaibh na h eaglais, a’ toirt iomradh air bith air aontuchadh, no dioladh ann lathair Dhe air son peanas aimsireil, no meas gu bheil iad tarbhach air son na marbh? F. Ni bheil a h aon duibh ’ga dheanamh. C. An urradh thu cunntas a thabhairt, c’uin’ a thoiseach na h aontachaidh, no na deagh-ghean so? F. Ata ceud chomhairle Nice, agus comhairle Arles agus Ancyra, a toirt iomradh orra; ach ataid ’g a meas mar fhuasglaibh, no sgaoileadh o dhioladh do lagh na cleire; eadhon, o smachdughadh na h eaglais. Ach do bhi nuadh agus ard sleigh an an aontughaidh air a leigeal le Papa Clement VI. do ’n ainm sin ann sa bhliadhn’ 1350. C. Nach mio-narach, aingidh, agus mi-dhiadhaidh an [TD 16] ni bhi reic deagh-ghean no logha cionta? F. Gu dimhin ’s eadh o nach ’eil barachd oibreadh aig’ na daoin’ as fearr. Osbarr, ciod e a dheadas bi na ’s mi-riusuntaiche na bhi toirt maitheanais air son argiod, mar gu feadtaidh deadh-ghean De a cheannach no reic, ni ata eaglais na Roimh gu tric a ’gnathacha’. C. Creud e an treas teagasg ata ag toirt misnich do dhaonaibh chum peacaidh? F. Nach ’eil firinn r’ a chumail re ericeachdaibh, agus gu ’m fead am Papa iochdrana’ fhuasgladh o ’m mionnaibh do phrionsaibh Aithleasaighte. Teagasg a thug air iochdranaibh ceannairc a dheanamh ann aghaidh an uachdranaibh laghail, ni ata an t Abstol Pol gu soilleir ag toirmeasg, “Biodh gach anam umhal do na h ard chumhachdaibh; oir cha ’n ’eil cumhachd ann ach o Dhia: agus na cumhachda’ ata ann, is ann o Dhia a dh’ órduigheadh,” Rom. xiii. 1. C. Cionnas ata e soilleir gur teagasg so a bhuineas do eaglais na Roimh? F. O litir Phapa Martin V. gu Alexander Duic Lithuania, ann ’s am bheil na briathra soilleir sin, “Biodh cinnteach gu bheil thu peacacha’ chum báis ma ghleadhas thu firinn re eiriceachdaibh.” Agus shocruigh comhairle Chonstance, “Nach coir gealladh air bith a’ chumail re eiriceachdaibh.” Agus ata Papa Gregory IX. ag radh, “Biodh fios ag muintir gach duthcha ata faoi ughdarras eiriceachda, ’gu ’m bheil iad air an saór fhuasgladh o gach ceangal disleachd, agus dleasdanas dhoibh. Cior air bith atharracha ’mionna no ceangal a ni iad riu.” Agus ata Simanca ag teagasg an ni ceadna, agus ag radh, osbar: “Ge do bhitheadh e air a dhaingneacha’ le mionna, (oir a deir se,) ata sinn ag radh so gu tric, ach ata e feumail bhi ga ghnath-innseadh.” Agus cuirear re so uile, briathra’ sin Phapa Gregory VII. “Ata sinne (deir [TD 17] eisean) ag leantuin staruin na dream a bha air thoiseach oirne, do, reir ar ’n ughdarrais abstolaich, ag fuasgladh gach neach o gach mionna agus dilseachd leis am bheil iad ceangailte re dream ata faoi charn eaglais.” Agus ata e sar fhiosrach gu bheil gach uile neach Aithleasuighte air an druideadh amach mar so, agus air am meas mar eiriceachdaibh le eaglais na Roimh. Agus ata reachd na cleire mar an ceadna ag radh, gu fead am Papa gach neach fhuasgladh o mhionna umhlachd, agus ata so air a chur sios ann an lagh na cleire, agus air a dhaingneacha’ le comhairle Trent. C. An ainmigh thu gnathacha’ Papa no chomhairle freagrach do ’n teagasg mhilteach so? F. Dh’ fheadain moran a thoirt a steach,—Ach ainmicheadh mi dias amhain,—Ge do fhuair Eoin Huss barrantas tearuinteachd o ’n Impeireadh Sigismond, gidheadh, thug comhairle Chonstance thairis do ’n arm shaoghalt’ é, agus thug iad suas do Dhiuc Bhavaria è, agus bha è air a losgadh gu bás ann sa bhliadhn’ 1415.—Ann an Litir Phapa Pius V. d’ an goirtheir, Damnadh agus Ascaoin-eaglais Elizabet Bain-rioghain Shasgan, agus a luch-leanmhuin, &c. ata na briathra’ so, “Agus, osbar, ata sinn a’ cuir an ceill gu bheil ise, (Elizabeth) gus a cur sios o ’n ughdarras a ghabh ì dhi fein, air an rioghachd a roi-ainmeighe, agus o gach uile’ urram, cumhachd, agus sochair air bith; agus mar an ceadna, gu bheil mor-uasleadh, iochdaraine, agus sluagh ’n a rioghachd sin, agus gach aon eile a mhionnaigh dhise, air doigh air bith; air am fuasgladh a choidhch o’ na mionnaibh sin, agus o’ gach gne dhleasdanais thaobh uachdranachd, geil, agus umhlachd, mar ata sinn mar an ceadn’ le ughdarras na litir so, ga ’m fuasgladh, agus a’ cuir Elizabet amach o ’n tiodal na rioghachd a ghabh í dhi fein, agus gach ni eile a roi-ainmeaghadh; agus ata sinn ag áithne, agus a toirmeasg do gach aon neach, eidear mhor [TD 18] uaisle, iochdaraine, phobul agus cach a roi-ainmeachadh, umhlachd a thoirt dhi, no d’ a fuirealibh, àitheantaibh, agus reachdaibh. Air a thabhairt san Roimh, ann bliadhn ar Tighearna 1570.” C. Nach ’eil an teagasg so, nach coir gealladh no miona chumail re eireceachdaibh, agus gu bheil comas aig’ a Phapa, iochdrana’ fhuasgladh o am mionna geill d’ am prionsuidh Aithleasaighte, ag teilgeil bonn os ceann gach deagh riaghal a measg dhaoine, agus ag cur as do gach ceangal crabhach? F. Cha ’n ’eil ni air bith n’ as soilleire na sin. C. Creud e an ceathramh teagasg do ’n ghne so? F. Gu ’m bheil eiriceachdaibh gu bhi air an geur-leanmhuin, agus gu bhi air an sgrios. C. Co ris a deir na Papanaich eirceachda? F. Re gach uile Chriostuidh nach ’eil a’ creidsin an teagasg breige sin, agus ag aontuchadh le ’n iodhol-àdhradh san, ach gu sonruighte an dream Aithleasuighte. C. Cionnas ata thu dearbha’ gur ann do theagasg eaglais na Roimh ata so? F. Ata lagh na cleire ga chuir as an teagamh, “Gach neach nach feán ericeachd sin, agus nach pill air ball chum an fhior chreidimh, bitheadh é air a thoirt suas do ’n bhreith-shaoghalta, chum peanas dligheach a dhoi-bheart fhaghail.” Ata ceathramh chomhairle Lateran ag ordughadh, “Gach Coitcheannach a thogbhas a chrann ceasaidh, a chriosraicheas a leasraibh, agus a bhios gniomhach ann cuir as do eiriceachdaibh, gu ’m meall e na sochaire agus an luieachd cheadna ris, an dream a rachadh a theasairgin an Fhearain Naomha.” Agus b’ e làn mhaitheanas na ’n uile pheacaidh, an tuiteadh iad ann sa chás aon do na sochaire so. Agus ata comhairle Toleda ag radh, “Ata sinn, chomhairle naomh, ag fuogradh an orduigh so ata taitneach do Dhia, Nach fhead neach air bith na [TD 19] dhiaidh so a thig na óighre air rioghachd, suidheadh air a chathair, gus an gabh é a mionnan so, ameasg mionna eile, nach ceadaich è do dhuin’ air bith bhi na rioghachd, nach ’eil do ’n chreidimh Choitchinn. Agus ma ’se as gu ’m bris e na moide so ann diaidh laimh, bitheadh é malluighte ann lathair an De shiorruidh, agus na chonnadh air son teine shiorruidh.” Agus ata Bellarmine ag radh, “Gun teagamh, am biodh e comasach cuir as do eiriceachdaibh, bu choir an sgrios gu h iomlan.” C. Cionnas a ghnathaigh iad na h Aithleasaighte? F. Far an raibh an cumhachd aca, bu tric leó an dicheall a dheanamh chum cur as doibh, le teine agus cloidheamh, agus gach gne do ain-iochd. C. Cionnas ata so air a nochda? F. O iomad eseimpleir, ata foilleasach do ’n t saoghail uile; gu sonruighte. O mhurtadh moran mhilti do na Protestanaich ann ’sa chosgradh mhi-chliutach ann am Paris. O bheó losgadh iomad easpoig diadhaidh, agus foghlomtuidh, agus cuid eile, ann Sasgan, ann an rioghacha’ Bain-rioghain Marie, a chur na ceudan d’ a h iochdaranaibh Aithleasaighte gu bàs le h ain-iochd. Ann sa bhliadhna fa dheire d’ a rioghacha, dh’ fhuiling 39 do h iochdarain Aithleasaighte mairtearachd, agus ann t seachduin m’an deug í, chuidh cuigear a losgadh ann Canterbury air son an’creidimh. Ach gu sonruighte, am murtadh fuileachtach ann Eirinn’, ann san do chuireadh ceud mile gu bàs, eidear fhir agus mhnai, shean agus óg, ann aon la, 23. ochd mhios ann sa bhliadhna 1641. C. A dubhairt thu gu bheil e sar fhiosrach gu bheil gach neach Aithleasuighte air an druideadh amach le eaglais na Roimh; cionnas a dhearbhas thu so? F. Le Bulla in Cœna Domini, (ata air fhuagradh gu greadhnach san Roimh gach bliadhna’ air Diardaoine ro ’n cheàsadh,) ann sam bheil na briathraibh sin, “Ata sinne (ann ainm an De uile Chumhachd- [TD 20] aigh, an t Athair, a Mhic, agus an Spiorad Naoimh, agus le ughdarras na ’n abstol bheannuighte Peadar, agus Pol, agus le ’r ’n ughdarras fein, ag druideadh amach, agus a’ malluchadh,) gach uile Hussite, Wicklephite, Lutheranaich, Zuinglianaich, Calviniteach, Hugoniteach, Anabaisteach, Trinitarianeach, agus gach neach a chul-sleamhnaich o ’n chreideamh, agus gach eiriceachd eile, ciod air bith ainm faoi ’m bheil iad, no ciod air bith as gne aidmheil dhoibh, maille re ’n luchd leanmhuinn; a mhead sa ta gabhail riu, a’ nochda’ deadh run dhoibh, agus na h uile ’ta gabhail an leith sgeul, maille ris gach dream ata ’n taobh ’mach d’ ar ughdarras ne, agus do ughdarras eaglais nan abstol le fios, ag leughadh, a’ gleidheadh, no clo’-bhualadh an leabhrachain eiriceachd, no air son riosun no cionfa air bith, gu diomhair, no gu follasach, ag gabhail leith sgeul nan leabhrachain sin ata labhairt air crabhadh.” C. Mheas na Papanaich gu bu ni deadh thoillteanach an t ain-iochd sin air na h Aithleasaighte; cionnas ma ta a dhearbhas thu gu bheil e mio-laghail? F. Do bhri’ gu ’m bheil e ’n aghaidh gach maitheas, agus trocair, ’ta deanamh dhaoine cosmhuil re Dia, agus mar an ceadna an aghaidh a’ chreidimh Chriostuidh. C. Cionnnas ata thu co duchadh so? F. Leis an scrioptuir sin a leanas, Lucas vi. 36. “Bithibhse uime sin trocaireach, mar ata bhur ’n Athair fós trocaireach.” Eph. iv. 32. “Agus bithibh caoimhneil, teò-chroidheach d’ a cheile, a’ tabhairt maitheanas d’ a cheile, eadhon mar a thug Dia mar an ceadna maitheanas dhuibhse ann Criost.” Eoin xiii. 35. “Leis so aithnichidh na h uile dhaoine gur sibh mo dheisciobuilse, ma bhios gradh agaibh fein d’ a cheile. Lucas ix. 56. Oir cha d’ thanig Mac an duine a sgrios anama dhaoine, ach g’ an saoradh.’ Ata na Papanaich uime sin le bhi cliuacha’ an ain-iochd fein an aghaidh [TD 21] Phrotestanach neo’-chiontach, a’ nochda’ nach airidh iad a bhi air an ainmeachadh air Criost, agus gu bheil a Phapanachd na creidimh ro-olc. C. Creud e cuigeadh teagasg eaglais na Roimh, ata gu soilleir ag tarruing; no gun fhios ag mealladh na dream ata ain-eolach, agus neo’-mhothachail chum peacaidh? F. Gur coir do gach aon duine, gun tuille rannsuigheadh a chreideamh aomadh chum gach ni a shocruigheas an eaglais. C. Cionnas ata thu dearbha gu ’m bheil e mar fhiachadh air gach Criostuidh bhi ag rannsuchadh, agus a toirt breith air a shon fein, ann áite bhi toirt dall-gheill do gach ni air an socruigh dream eile? F. Ate e soilleir uaithe so; ata an t abstol Eoin ag cur mar fhiacha air gach Criostuidh, “Gun bhi ag creidsin gach uile spiorad, ach bhi ag dearbha’ nan spiorada, ann an o Dhia ata iad,” Eoin iv. 1. Agus deir Pol, 1 Thess. v. 21. “Dearbhaibh gach uile nithe, cumaibh gu daingean an ni ata maith.” Gal. i. 8. “Ach d’an deanamaid ne, no aingeal o neamh, soisgeul eil’ a shearmonach dhuibh, ach an soisgeul a shearmonaich sinne dhuibh, biodh é malluighte.” C. Cionnas ata e soilleir, gu bheil bhi ag teagasg do dhaoinibh, gur coir dhoibh an creidimh a choir faoi gheil do riaghail na h eaglais g’ am mealladh gu peacadh? F. Nochda’ cheana le cuid mhaith esempleire, gu ’n d’ áithn’ iad iomad ni chum bhi r’ an creidsin, agus r’ an gnathacha’ mar aon, ata ’n aghaidh focail De, agus ata so ag dearbhna na cuise. C. Ma chuaidh Papaidh a’ mearachd, agus ma chuaidh comhairlidh a mearachd leis a Phapa air an ceann, nach ’eil e mio-riusanta, a bhi cuir ar creidimh faoi gheil do reachdaibh eaglais na Roimh? F. ’S cinnteach sin. C. A ’m bheil e fior gu ’n deach’ iad le cheile am mearachd? F. Ata; bha moran do na Papaibh eireceachd: [TD 22] Bu Mhontanist Zepherinus, bha Marcellinus re iodhol-àdhradh, b’ Arianach Liberinus agus Felix II. bu Nestorianach Anastasius II. bu Mhonothilite Honorius, agus dh’ fhuagair moran do na Papaibh reachda’, agus òrduighean a bha ’n aghaidh cheile: Thilg Innocent III. bonn os ceann reachd a dh’ òrduigh Eoin I. rinn Eoin XXIII. ar an amhuil ceadna air reachd a dhaingneachadh le Nicolas I. thug Gregory I. breith an aghaidh Phelagius II. agus Leo VIII. an aghaidh Arian III. agus Nicolas I. an aghaidh Zacharius. Dh’ fhuagair comhairle Chonstance, agus Gelasius II. órduighean an aghaidh cheile, agus rinn comhairle Trent agus Gregory III. air an amhuil cheadna, &c. Agus ata e leór shoilleir o na h órduighibh fein, gun do thilg comhairlean maile re Papaibh bonn os ceann, reachdaibh a dhaingnigh comhairlean agus Papaidh air an ceann. Ann an da chomhairle Choitchinn, ann san raibh Papaibh air an ceann, agus leis an d’ aòntuigh iad, eadhon, comhairlibh Bhasil, agus Chostance, dhaingnigh iad ughdarras comhairle os ceann a Phapa, agus is cinnteach do reir barrail nam Papanach, c’ ait air bith am biodh an t àrd ughdarras air a shuidheacha’, ’seigin do ’n neo’-thuiteamachd bhiodh ’n sin mar an ceadna: Gidheadh, le da chomhairle eile, agus Papaidh air an ceann ag aóntucha’ leó, eadhon, comhairle Florence, agus Lateran, bha ughdarras a Phapa os ceann comhairle air órdughadh. C. Ciod e an seathadh teagasg do ’n ghne so, ata air a sheoladh gu seasmhach le eaglais na Roimh? F. Gu bheil eidir-mheadhoin-fheara eile eidir Dia agus duine thuille air Josa Criost, mar ’ta naoimh, agus aingle, ach gu sonruighte an Oighe Muire. C. Cionnas ata thu dearbha, gur teagasg breige so? F. Ata focal De gu soilleir a’ nochda gur h e Josa Criost an t aon Eidir-mheadhoin-fhear amhain, 1 Tim. ii. 5. “Oir is aon Dia ata ann, agus aon [TD 23] “Eidir-mheadhoin-fhear eidir Dia agus daoine, an duin’ Josa Criost;” agus ata an riosun ag leanntuin, “A thug é fein na eiric air son nan uile.” Agus cha ’n fheadar an urrad so a radh air son naomh, no aingeal air bith, agus uime sin, cha ’n fhead iad bhi nan eidir-mheadhoin-fheara dhuinne, do bhri’ nach d’ tug iad eiric air ar soinne. C. O’n ata an scrioptur ag dimheanacha dhuinne, gur h ’e Dia amhain, ata fiosrach air croidheachan chloinn nan daoinibh, nach ’eil urnuighean re naoimh agus aingle, aig’nach ’eil fios air smuainteadh a chroidhe, neo’-dhia’aidh, agus mio-riusantadh? F. Is cinnteach sin. C. Ge ’ta ’n scrioptur ag dimhineacha dhuinn nach ’eil ach aon Eidir-mheadhoin-fhear amhain eidir Dia agus daoine, nach ’eil na Papanaich a deanamh urnuigh re ainglibh agus naoimh, cha ’n ann amhain mar eidear-mheadhoin-fheara iochdranach, ach air uaireadh mar ard eidear-mheadhoin-fheara? F. Ata iad. Ann san urnuigh ris a bhan naomh Annie, ataid ag labhairt ria; “O Annie a bhean leis an Uan, soillsich sinne o ’n leath stigh, sgrios freamha a pheacaidh. O bhean uasal oirdhearc, an diaidh trioplaidibh an t saoghal so, aisig thusa sinne chum na cuideachd bheannuighte.” Faic Missal. clo’-bhuala Par. 1520. C. Cionnas ata thu dearbha gu bheil an teagasg so ag mealladh dhaone gu peacadh? F. 1. Do bhri’ gu ’m bheil e na chionfa ’a thoirt easonoir do Chriost an t aon Eidir-mheadhoin-fhear amhain. 2. Do bhri’ gu bheil e ’g an tarruing chum iodhol-ádhradh gu direach, le bhi toirt an ádhraidh sin do chreatuiribh, ata dligheach do Dhia amhain. C. Creud e an seachdamh teagasg Papanach ata ag-mealladh dhaoine chum gniomhartha peacach? F. Teagasg na briogh-atharrach’. C. Ciod e ta iad cialluchadh leis an fhocal chruaidh so? [TD 24] F. Ataid a’ cialluchadh ni ata móran n’ as cruaidhe, agus ni nach ’eil iad fein ag tuigsin, eadhon, Gu bheil an t aran agus am fion ann sacramaint suipeir an Tighearna, air ball an diaidh an coisreaga, air an tharracha gu fior chorp agus fuil Chriost. C. Am bheil iad ag radh le danachd ann lorg do ’n t sagairt, na focail sin a labhairt, ’S e so mo chorpsa, gu bheil an t aran agus am fion air an tionndadh, gu fior chorp agus fuil, craicinn, agus cnamhan Chriost? F. ’S e sin is seagh dhoibh sin. C. Ciod e a deir thu ris a bha’rail so? F. Gu bheil i roi-mhi-riusanta, agus na mearachd sgriosach, ata tilgeadh bonn os ceann gach eolas agus crábhadh; air achd, as gu bheil í cur as do fhia’nais ar mothachaibh; agus ar riosun, agus do fhia’nais nan scrioptuir, air am bheil gach uile eolais agus crábhadh air an steigheacha’. C. Cionnas ata so an aghaidh fia’nais ar mothachibh ne? F. Do bhri’ gu bheil ar sealladh, ar blas, agus ar bóltrach uile, ag innseadh dhuinn; gu bheil an t aran agus ann fion, an diaidh an coisreagadh ag fantuinn mar bha iad roimhe. C. Agus ciod e a leanas air a so, ma dh’ fheadas ar mothachibh ar mealladh do ghna ann sna nithe as soilleire? F. Ni ro-olc; oir dhearbh ar Slanui’-fhear a theagasg leis na miorbhuile a dh’ óibreach è fa chomhair suile dhaoine: Uime sin, ma dh’ fheadas mothachaibh dhaoine am mealladh ann sna cásaibh as soilleireadh, ata crich air gach uile mhiorbhuile, agus ata ’n dearbha mór so air firinn a chreidimh Chriostuidh air a thoirt air falbh gu tur. C. Cionnas ata so a’ cur an aghaidh’ ar riosun? F. Ata ar riosun ag innseadh dhuinn, nach fhead an t aon chorp, a bhi ach san aon áit’ san aon am. C. Creud ata ’n scrioptur ag radh ma thiomchiol? F. Gu bheil corp Chriost ar neamh, far am bheil e re “fantuin gu aimsirbh aisig na uile nithe,” Gniomh. iii. 21. Ata Criost é fein, an diaidh a [TD 25] choisreagadh, ag radh ris an fhion a thug é d’ a dheisciobluibh, Toradh na fionamhuin, Mar. xxvi. 29. Agus deir an t abstol Pol ris an ni a bha ’n luchd comuineach’ a’ gabhail, aran agus fion; “Ach ceasnuigheadh duin’ e fein, agus mar sin itheadh è do ’n aran so, agus óladh é do ’n chupan so,” 1 Cor. xi. 28. C. Cionnas ma seadh ata briathraibh sin Chriost r’ an tuigsin, Mat. xxvi. 26. Is é so mo chorpsa? F. Mar ’ta gach Protestanach agus gach Papanach ag tuigsin na m’ briathraibh sin, 1 Cor. x. 4. “Agus b’i a Charruig sin Criost.” Mar so, “Is e an t aran so mo chorpsa,” mar gu ’n abradh é, “Ata ’n t aran so a’ taisbean mo chuirpse,” agus ata é mar chuimhneachan dhuibhse air, agus uime sin, ata é ag radh osbarr, “Deanamh so mar chuimhneachan ormsa.” C. A dubhairt thu, gu bheil teagasg na brigh-atharrach’ ag mealladh dhaoine gu peacadh; cionnas ata so soilleir? F. Ata e ’g an tarruing chum iodhol-ádhraidh, ni ata air a dhiteadh le Dia ann san scrioptur naomha thar gach peac’ eile. C. Cionnas ata e ’g am mealladh gu iodhol-ádhraidh? F. Air bhi do na Papanaich air an teagasg, gu bheil an t aran agus am fion, an diaidh an coisreagadh, da rireadh air an atharrach’ gu corp agus fuil Chriost, is iomchuidh leó ádhradh cràbhach a thabhairt dhoibh; ach, mar dhearbha linne, gu bheil iad ag fantain an diaidh an coisreagadh mar bha iad roimhe, ata iad re ádhradh do chreatuir ni as é an t iodhol-ádhradh is mò. C. Ciod a dubhairt Averos an t ailsinneach Arabianach m’ an teagasg so? F. “Do chuairtigh me (deir eisean) an saoghal, agus thachair luchd bar’aile eagsamhuil orm, ach reachd, no luchd saobh bhar’ail co neo’-mhothachail ris na Criostui’ean ni fhacas riamh, oir le ’m fiacla fein ataid ag ith an De d’ an bheil iad ag [TD 26] deanamh adhraidh.” C. Am bheil Cajeton am Priomh-cheann ag aid’ iche nach ’eil é ’n áit’ air bith ’san t soisgeul, gu bheil an t aran air atharrach’ gu corp Chriost, ach gu bheil an teagasg so aca o ughdarras na h eaglais? F. Ata é. Faice a leabhar Aquin. part. 2, 3. C. Nach ’eil ar Slanui’-fhear ag radh ris an fhion ann sa chupan an diaidh a choisreagadh, Toradh na fíneamhuin? F. Ata. “Cha ’n ól mi o so suas do ’n toradh so na fìneamhuin, gu ’n uig, &c. Mat. xxvi. 29. C. Nach deacha na h uiread do cheuda bliadhna seachad do ’n Chriostui’eachd ma ’n cualas iomradh air teagasg na briogh-atharrach san t saoghal? F. Chuaidh. Oir ata Austin a bha ann sa chearthamh linn, agus d’ am bheil meas mór an eaglais na Roimh, ag radh ris an aran agus an fhion ann an sacramaint na suipeir, “Comhartha agus cosamhluchd cuirp agus soladh Chriost; agus ata Gelasius am Papa a bh’ ann an deireadh na linn sin fein, ag radh, “Cha ’n ’eil an t aran agus am fion ann san t sacramaint, ag sgur o bhi nan aran agus ’n am fion thaobh brigh agus nadurra, ach is iad iomhaigh agus cosamhlachd cuirp agus fola Chriost*.” Agus ata ard chomhairle Chonstantinople ann san ochdamh linn, ag radh re sacramaint na suipeir, “Iomhaigh cuirp bheó Chriost†. Thog teagasg na brigh-atharrach ceann an toiseach le manach ann san t seachdamh linn, agus na dhiaidh sin ghabh dara comhairle Nice, ria gu faillteach, a thug air thus a steach ádhradh iomhaighean ann aghaidh comhairle Chonstantinople. Na dhiaidh sin, bha ’n teagasg so, air a thoirt chum eaglais nan Laidinn an san naothadh linn, le Pascasius Radbertus, Abbot Chorby, mar ’ta Bellarmine, agus Sirmondus, da sgriobhadair Phapanach ag innseadh dhuinn, ach rinneadh consugha’ an aghaigh an teagaisg so, tuille as 300 bliadhna, le daoinibh co chliuteach thaobh * De duab. nat. Christi. † Cons. Constant. act 6. [TD 27] foghlum, agus diadhachd, sa bh’ ann sna h amaibh sin, agus ni ’n drinneadh puing creidimh dhith, gu ’n uig ceathramh comhairle Lateran ann san dara linn deug, faoi Phapa Innocent III. an neach a shuidheich an geur rannsuchadh an toiseach, agus cha raibh sí air a daingneachadh gu ’n uig comhairle Trent ann sa chuigeadh linn deug. Ata Erasmus a chaith a bheatha, agus a dheug na Phapanach, agus a bha na b’ fhiosraich na móran air sgriobhaibh aithreacha’ na h eaglais ag radh, “Gu raibh se an-moch m’ an raibh an bhrigh-atharrach’ air a mineachadh leis an eaglais, agus gu raibh a h ainm agus a nadur an ain-fhios do na sinsiribh.” C. Nach ’eil na Papanaich ag innseadh dhuinn gu fead uile chumhachd Dhe brigh-atharruch’ oibreachadh? F. Ata iad; ach mar ata brigh-atharruch mi-riusanta, agus na ni ata cur na aghaidh fein, cha ’n fhead e bhi na chusboir cumhachd diadhaidh. C. Nach ’eil ar Slanui’-fhear ag radh, Mar ith sibh feoil Mhic an duine, agus mar ól sibh fhuil, cha ’n ’eil beatha agaibh ionnaibh? Eoin vi. 53. F. Ata è; ach ann sa chaibideul sin fein, rann 63. ata é ag radh, “Se an spiorad a bheothaicheas, ni bheil tairbh air bith ’san fheoil, na briathra ’ta mis’ a’ labhairt ribh, is spiorad agus is beatha iad;” far am bheil é gu soilleir ag innseadh dhuinn, ’gu raibh na labhair è mu thiomchioll ithe fheola, agus ól fhola san, r’ an tuigsinn air doigh spioradail, agus nach b’ ann air doigh chorpora. C. Nach ’eil e leoir shoilleir gu do thuig deisciobuil Chriost na briathraibh sin, Se so mo chorpsa, &c. air doigh chosamhlachd? F. Ata; oir an tuigeadh iad é air doigh chorpora, thaisbeine iad an iongantas mu theagasg co neo-ghnathaighte; agus co mhór an aghaidh am mothaiche agus an riosun, agus is cosmhuil gu labhradh iad air an doigh so, “A Thighearna, cionnas a dh’ fheadas e bhi gur h é an t aran so do chorpsa, [TD 28] agus am fion so t fhuil so, ’n uair ata thu a’ t shuidhe linne, agus ag cainnt rinn!—Cionnas a dh’ fheadas e bhi, gu ’n d’ toir thu dhuinne do chorp, do chorp gu h iomlan r’ a ith, agus t fhuil gu h iomlan r’ a h ól, agus sin le d’ lamhan fein?” Ach chi sinn nach do nochd iad ionngantas air bith mun chuis so, ni as mo na rinn iad ’n uair a dubhairt è ann ionadaibh eile, Is mise an dorus, Is mise an fhineamhuin.” III. C. Ach a dubhairt thu, gu bheil mar an ceadna, iomad ni ’g an TEAGASG le eaglais na Roimh, ata an aghaidh focail De, agus uime sin, na mearachdaibh sgriosach; an ainmeich thu cuid dhuibh dhamh? F. ’S iad an t seachd so a chuid as sonruighte dhuibh, eadhon, 1. Nach ’eil gach aon ni feumail chum slainte againn’ ann san sgrioptuir. 2. Gu ’m bheil iad dorcha doi-thuigsin ann an cuid do nithe priomh fheumail r’ an creidsinn. 3. Gur h é Papa na Roimh fui-cheimnigheadh, no fear ionad an abstol Pheadair, agus ard cheann na h eaglais Chriostuidh. 4. Gu ’n do shuidheioh Dia ann a eaglais, aon ard bhreitheamh ata neo’-mhearachdach ann cuisibh creidimh. 5. Gu bheil Josa Criost ann san áifrionn, air a thoirt suas mar iobairt leis an t sagairt, air son peacaidh nam beó agus nam marbh. 6. Gum bheil anmaibh nan naoimh, re h am báis ag dol do ionad ris an deir iadsan Pugoideorachd, chum bhi air an glanadh o gach aon pheacadh m’ an d’ theid iad a steach do rioghachd neamh. 7. Gur h ì eaglais na Roimh an fhior eaglais amhain, agus nach fhead neach air bith, bhi air a theasairgin a sgaras è fein uipe. C. Cionnas ata thu dearbha, gu bheil e ’n aghaidh focail De, bhi ag radh, Nach ’eil gach aon ni ata feumail chum slainte ann sna scrioptuiribh naomha? F. Ata e soilleir o bhriathraibh an abstoil, 2 Tim. [TD 29] iii. 16, 17. “Ta an scrioptur uil’ air a dheachdadh le Spiorad De, agus ’ta é tarbhach chum teagaisg, chum spreige, chum leasachaidh, chum óilein ann am firinnteachd: Chum ’s gum bi óglaoch Dhe coi’-lionta lan deas chum gach uile dheadh oibre.” 2. Tim. iii. 15. “Agus o bha tu a’ d’ leanabh gu ’m b’ aithne dhuit na scrioptuir naomha, ata comasach air thusa dheanamh glic chum slainte.” C. Nach raibh aithreacha na h eaglais, re iomadh linn, ag radh mu na scrioptuire naomh, gu ’n raibh gach aon ni feumail chum slainte r’ an faghail ionnta? F. Bha. Is gann ata puinc air bith do ’n chreidimh Chriostaidh leis am bheil iad ag aòntuchadh co aón sgeulach. Ata Irenæus ag radh, “Ata na scrioptuire iomlan, air an labhairt a fhocal agus Spiorad De*.” Ata Tertullian ag radh, “Nochda’ iadsan ata do bhúth Hermagenes dhuinn’ gu ’m bheil e sgriobhta; agus mar ’eil e sgriobhta, bitheadh eagal orrasan gu bheil do ’ruinn a’ feitheamh air na h uile a chuireas ris, no bheir air falbh;” agus airis a deir è, “Ata mi moladh iomlanachd nan scrioptuire.” Agus a deir Basil, “Is aómadh soilleir o ’n fhirinn, bhi cur cul ris na puincibh ta sgriobhta, no bhi toirt a steach ni air bith nach ’eil sgriobhta.” Deir Clemens Alexandrinus re aóntuchadh an t Sean Tiomnaidh, agus an Tiomnadh Nuaidh, “riaghailt chinnteach na h eaglais, agus clach dearbhaidh an ni ata fior o ’n ni ata na bhreig.” Deir Chrysostom ris na scrioptuiribh, “Meidh ro cho’-thromach, agus riaghailt chinntich na firinn dhiadhaidh†.” Agus deir Vincentius Lirinensis, “Ata lagh, no riaghail nan scrioptuir iomlan‡.” C. Cioanas ata thu dearbha nach ’eil na scrioptuiribh dorcha doi-thuigsin, ann nithe feumail chum slainte? F. Ata ’n Salmodair ag radh, “Gu raibh focal De mar lochrann d’ a chosaibh, agus mar sholus d’ a cheimibh,” Sal. cxix. 105. Agus ata ’n t ab- * Lib. 3. ch. 1. † Hom. 13. ‡ Contra. Herm. ch. 2. [TD 30] stol Pol ag deimhinneacha, “Ma ta ar soisgeul ne folaichte, is ann dhoibh sin ’ta caillte ata se folaichte.” “Ann san do dhall dia an t saoghail an intinn,” 2 Cor. iv. 3, 4. C. Mu bheir sinn an aire gu neo’-mheangail do na bheil air a chuir sios gu soilleir ann san scrioptur agus mu ni sinn saothair le dicheall, chum eólas fhaghail air an fhirinn, am bi sinn air ar coimhid o mhearachdaibh millteach ann an crábhadh? F. Bitheadh sinn, (deir ar Slanui’-fhear) “Ma ’s aill le neach air bith a thoils a dheanamh, (eadhon toil De) bithidh fios aige m’ an teagasg an ann o Dhia ata è, no ’m bheil mise a’ labhairt uam fein,” Eoin vii. 17. Agus mar ’ta congnamh gràsmhor an spioraid naoimh air a ghealltain do gach neach ata gu h iriosal, agus le durachd g’ a iarruidh, gun teagamh coimhideadh eisean na h uile o mhearachdaibh millteach, ata gnathacha’ meadhona’ nan grás gu dithchiollach, agus ag asluchadh congnamh o Dhia, agus ag beachdacha’ air na scrioptuire air doigh iomchuidh. C. Nach ’eil deadh ádhbhar aguinn a mheas, gur teasgasg breige an teagasg Papanach sin, ata cur suas beul-oideas eaglais na Roimh ann an co-ughdarras ris na scrioptuiribh naomh? F. Ata gu cinnteach. C. Nach ’eil na conspoideadh a thog ceann mu choimhid na caisg, mu aith-bhaisdeadh eiriceachdaidh, agus conspoideadh eag-samhail eile, nan dearbha soilleir air neo’-chinnt gach beul-theagasg? F. Ata iad. C. Cionnas ata thu dearbha, gur mearachd bhi ag radh gur h e am Papa mar foi-cheimnicheadh, no fear ionaid an abstoil Pheadair, ard cheann na h eaglais Chriostaidh? F. Ge do b’ e an Papa da rireadh, fear ionaid Pheadair, ni nach b’ urradh na Papanaich a dhearbha riamh; gidheadh, cha bu choir dh’ a tuilleadh ugh- [TD 31] darrais a ghabhail dh’ a fein, na bha’ g’ an abstol sin; ach ni ’n raibh ughdarras air bith ag Peadar ois ceann nan eglaisibh ach mar bha g’ na h abstoil eile. C. Cionnas a dhearbhas thu sin? F. Ata e soilleir o iomad áite do ’n scrioptur, deir an t abstol Pol d’ a thaobh fein, “Nach raibh é bheag air bith fuidh na h abstolaibh a b’ airde,” 2 Cor. xii. 11. agus air fàth airid; “Sheas é ’n aghaidh Pheadar as eadan, chionn gu raibh é r’ a choireachadh,” Gal. ii. 11. Dh’órduigh na h abstoilaibh a bha ann Jerusalem do Pheadar dol do Shamaria; ni nach b’ urradh iad a dheanamh nan bitheadh é na b’ airde na iadsan, Gniomh. viii. 14. agus an uair a phill è o Cesarea, “ghairm eaglais Jerusalem ’gu cunntas é air son a ghiulan,” Gniomh. xi. 2. C. Nach ’eil Criost ag radh, Is tusa Peadar, agus air a charraig so togaidh mise m’ eaglais?” &c. Mat. xvi. 18. F. Ata é; ach ata e soilleir gur h i an aidmheil a rinn Peadar, a charruig ata air a h ainmeacha’ ann an rann 16, eadhon, Is tusa Criost Mac an De bheó. Osbarr, nach deirir ris na faidhibh, agus na h abstoilibh gu coitchinn an steigh, no bhunait air an do thogadh an eaglais? Eph. ii. 20. Agus an cumhachd fuasglaidh agus ceangail a thugadh do Pheadar, fhuair na h abstolaibh eile o ’n Tighearna, Mat. xviii. 18. Nach ’eil ar Slanui’-fhear gu soilleir ag toirmeasg do neach air bith d’ a dheiscioblaibh, bhi ’g agairt ughdarrais thar chach, Mat. xx. 26, 27. Agus nach ’eil Peadar fein ag diultadh a leithid so do ughdarras? 1 Pead. v. 3. Mu bha Peadar air a sgeuduchadh leis an ughdarras sin, is deimhin nach raibh fios ag air, ni mó a’ chuir é an gniomh e. Ann sa’ cheist mhòir sin a laimhsicheadh ann an comhairle Jerusalem, thaobh é bhi mar fhiacha air na Cinneach lagh, nan deas-ghnath a choimhead, cho b’ è Peadar, ach Seumais a chur crioch air a chuis, oir a dubhairt eisean, “Uime sin, is i mo bhreith, gun sinn a chur dragh orrasan,” &c. [TD 32] Gniomh. xv. 19. Ata Cyprian, aon do aithreacha na h eaglais, ag radh, “Gu b’ ionnan do na h abstoilibh eile agus do Pheadar, gu raibh an aon tomhas do onoir, agus do chumhachd air an lui’easach’ orrá uile. C. A dubhairt thu, nach b’ urra’ na Papanaich riamh dhearbha, gur b’ é an Papa fui’-cheimnighe Pheadair; an d’ tainig iad gaoirid ann sa chuis so a cho-dughadh? F. Thainig iad; na áite sin, ’ta cuid do na sgriobhaich Papanach ag aich-shean gu raibh Peadar riamh san Roimh; agus a deir Papa Pius II. ’n uair a bha é na phriomh-cheann, “Nach raibh ach beag meas do eaglais na Roimh romh chomhairle Nice,”—Ni nach bitheadh mar sin, am biodh an t ughdarras ata am Papa’g agairt anois aige thaobh Pheadair. Ata e fior gu bheil beul-theagasg neo’-chinnteach aig na Papanaich, gu ’n d’ eug Peadar na mhartireach ann san Roimh; ach ge do bhithidh a chuis da rireadh mar sin, ciod e ata e deanamh air an son?—Ata an argumaint ataid ag tarruing uaithe so, thaobh ughdarrais a Phapa bhi ag teachd o Pheadar, co neo’-chosmhail, as ge do tharladh do ard easpoig Shasgan, eug ann an sgeurachd airid, gun agradh ministeir na sgeurachd sin, gu ’m bunaidh ard riaghlachadh na h eaglais do ghna dhasan, is d’ a luchd-ionad san áite sin, do bhrigh gu d’ eug an t ard easpoig ann sin. C. Cionnas ata thu dearbha gur mearachdh bhi ag radh, gu ’n do shocruigh’ Dia na eaglais breitheamh neo’-thuiteamach ann cuisibh creidimh? Minich teagasg eaglais na Roimh air a cheann so cail-eigin n’ as coi-lionta, agus ciod é ’ta iad ag cialluchadh le breitheamh neo’-mhearachdach? F. Ge ’ta so na puinc ro shonruighte leósan, gidheadh, ni bheil iad ag corda ’na measg fein m’ an chuis, ata cuid le breitheamh neo’-thuiteamach, a’ tuigsin a Phapa; cuid comhairle choitchinn leis an aóntuigh am Papa, agus cuid eile comhairle choitchinn, co dhiu a dh’ aóntaigheas, no nach aóntaigh eisean leó [TD 33] C. Ciod i a chumail ata agad an aghaidh an teagaisg so? F. Ata iomad ni gun teagamh a’ teilgeil an teagaisg so bonn os ceann, mar’ta mearachdaibh ro mhór ann san do thuit móran do na Papaibh, agus ard chomhairlibh, eas-cordadh an giulan, agus neo’-aonsgeulachd an órduighean, aon Phapa ag diteadh ni le ’n d’aòntaigh an neach a bha air thoiseachair, aón chomhairle cuir cul ris na dh’òrduigh comhairl’ eile.—Ris na labhair me cheana thaobh na ’n Papaibh agus comhairlaibh, cuireadh mi na nithe a leanas o sheanachas air a dheadh bharrantach’. Bha Papa Eoin III. air agairt air son bhi ag aich’shean neo’-bhásmhorachd an anama le comhairle Chostance, bha Papa Gregory XII. agus Benedict XIII. air an cur a thaoibh air son eiriceachd, le comhairle Phisa, bha Eugenius IV. mar an ceadna, air a chur as áite le comhairle Bhasil, agus fada roimh sin, chur Papa Liberius a lamh re bar’ail nan Arianach ann comhairle Syrmium. Ata an sgriobhadair Papanach Genebrard ann labhairt air an 9. agus 10. linn, ag radh, “Gu raibh na Papaibh ’na ’n cul sheamhnachain, agus cha b’ ann nan abstoileach.” Agus ata Baronius an ti ata g’ am mór chliuach’, ag aid’icheadh, “Nach raibh ionnta ach torathaire granda, a thilgeadh amach as an dreachd, agus gun raibh an Roimh air a riaghluchadh le striopachaibh laidir salach, leis an raibh easpoigeachda’ air an atharrach’, agus easpoigean air an deanamh.” Dh’ fheadain iomad eisempleir a thabhairt, air ain-eolas, co-mhaith is air aingidheachd, agus eiriceachd na ’m Papaibh. Nuair a ghrios na Jesuitich air Innocent X. breith a thabhairt mu sgriobhaibh Jansenius, dh’aid’ich é gu soilleir nach do thuig é na nithe sin, oir ars’ eisean, “’S fear lagha mise, agus cha diadhaire.” C. C’ uine, agus co, leis an do lui’-easaiche an t ard uachdranachd, so an toiseach air Papa na Roimh thar gach easpoig eile? F. Bha ’n t uaghdarras so air a thabhairt do Bho- [TD 34] niface III. le Phocas ann san t seathadh linn, neach a mhurt an t Eimpere Mauretius, agus a chuir é fein suas gu h eacorach ann san eimpeireachd; do bhrigh gu ’n do chliuach Boniface am murtadh sin. C. Am bheil riosun air bith eile agad’ na aghaidh so? F. An òrduighe Dia brietheamh neo’-thuiteamach, chum ’s gu d’ thigeadh gach Criostuidh ga ionusuidh, dh’ innseadh na scrioptuireadh naomh dhuinne, c’ait’ am fuidhemid é; ach is co fhada ’ta na scrioptuiribh naomh o leithid so do bhreitheamh a nochda dhuinn, as gu bheil iad ag iarruidh air gach Criostuidh bhi ag rannsuchadh, agus bhi toirt breith air a shon fein, mar dhearbh sinn cheana. C. Nach ’eil na Papanaich ag deanamh feim do Mhat. xviii. 15,—18. mar dhearbha air neo’-thuiteamachd an eaglais sin? F. Ata iad; agus is leóir ra thoirt fanear, nach ’eil ar Slanui’-fhear a labhairt mu chuisibh creidimh, ach a thaobh oilbheum diomhair; agus ann ’sna cuisibh sin, cha ’n ’eil eaglais na Roimh a’ cuir roimpe bhi neo’-mhearachdach. C. Nach ’eil eaglais na Roimh, a’ cuir cul ris an litir chum nan Eabhrui’each, agus ag radh, nach raibh i air a meas mar chuid do ’n scrioptur ann am Jerom, a bha lathair 400 bliadhn’ ann diaidh Chriost? F. Ata. Agus ata e ag leanntuin, gu raibh eaglais na Roimh ann am mearachd ceithear cheud bliadhna, no gu ’m bheil í am mearachd riamh o ’n am sin. C. Nach ’eil na Papanaich ag amharc air comhairle Trent mar chomhairle choitchinn, agus nach ’eil na nithe air an do reatuigh i air an gabhail leo’, mar fhirinne sheasmhach? F. Ata. Ach cha ’n ’eil coir cheart air bith ag a chomhairle sin, ainm comhairle choitchinn a ghabhail dhi fein, do bhri’ gu raibh i air a deanamh suas air a chuid bu mhó, do na h Eidiltich a bha air am beathacha’ le cuirt na Roimh; agus is co [TD 35] fhada a bha iad o bhi saór ann an riosunacha, as gu d’ rinn cuirt na Roimh i fein’ na maighistir air an conspoid, air achd is nach rachadh ni air bith a chonsuchadh, ach na chuireadh targraidheoir* a Phapa fa ’n comhair. Agus cha ’n ’eil duine co’ thromach air bith, a leughas an reachdaibh, mar sgriobhadh le Athair Pol, ag Priomh-cheann Pallovicine iad, nach fhaic gu soilleir, ann àite bhi air an sdiura’ leis an Spiorad Naomh, agus a lathaireachd a bhi aca, gu d’ rinn cuirt na Roimh le mile innleachd, bribinn, duaisibh, agus bagraibh, an coi’thional sin a sdiuradh mar a b’ aill lé. C. Nach ’eil an riosun ata na Papanaich ag tabhairt air son neo’-thaiteamachd eaglais na Roimh, ag tarruing chum an creidimh Criostuidh a thilgeadh bonn o ’s ceann? F. Ata; oir ataid a’ riosunacha gu bheil e feumail gu ’m bithidh an eaglais neo’-thuiteamach, thaobh gu raibh an eaglais Iudhaich mar sin. ’Noise, ma bha neo’-mhearachd air a shuidheacha’ ann san eaglais Iudhaich, mar ata eaglais na Roimh a’ consuchadh, b’ eigin gu raibh so air a shuidheacha (mar a deir iad cuideachd) ann san ard shagairt agus a chuirt; ach mu bha iadsan neo’-thuiteamach, bha ar Slanui’-fhear air a dhiteadh le co’-throm le guth an ard shagairt, agus a chomhairle. C. Ata thu ag radh gu ’m bheil teagasg na h áifrinn an aghaidh nan scrioptuire; thaobh ann sin gu bheil iobairt, air a toirt suas do ghna air son peacaidh nam beó, agus na marbh. Ciod e ata agat r’ a radh na aghaidh so? F. Ata iomad àite do ’n scrioptnr naomh, Eabh. ix. 25, 26. “Ni bheil Criost ’ga iobradh fein gu minic, oir mar sin b’ fheum il è dh’ fhulang gu minic o thoiseach an t saoghail, ach a noise dh’ fhoillsicheadh é aon uair an deireadh an t saoghail, chum peacadh chur air cul, trid é fein iobradh.” Agus airis, “As eagmhuis dortadh fola ni bheil maitheanas peacaidh,” Eabh. ix: 22. Ata è air inn- * Teacdoire. [TD 36] seadh dhuinn mar an ceadna, Eabh. x. 14. “Oir le aon iobairt rinn é choidhch foirfe iadsan ata air an naomhacha.” C. Am bheil coir air bith aig’ teagasg na h áifrinn air aosmhorachd* agairt? F. Cha ’n ’eil. Is beag nach ’eil e co an-moch re comhairle Trent. Cho b’ aithne do aithreacha na h eaglais a leithid so do theagasg. Ata Justin Martyr, ag radh, “Gur iad urnuighibh agus bui’eachais deadh dhaoine, na h iobairtaibh amhain ata taitneach do Dhia†.” Ata Origin ag radh, “Is iad ar ’n altaire rún gach duine ionruic‡.” Agus ata Lactantius a’ labhairt mu iobairte, ag radh, “Is i an iobairt ata taitneach do Dhia, buidheachas, agus laoidh, is beannacha’ amhain iobairt sin.” Ata Cyprian ag radh, “Thug Criost è fein suas do Dhia mar iobairt, agus dh’ àithn’ é an comunacha bhi air a chumail suas mar chuimhneachan ar fein.” Agus ata Athanasius ag labhairt ann sna briathraibh sin, “Ata iobairt, ar Slanui’-fhear aón uair air tabhairt a’ deanamh gach aon ni iomlan, agus a’ fantuin daingean gach am.” C. Ciod e ’ta thu tarruing o na briathraibh sin? F. O nach ’eil dortadh fola ann san áifrinn, agus o nach ’eil ar Slanui’-fhear ag fulang ath-bhuailt’, uime sin, ni bheil iobairt, no maitheanas peacaidh ann san àifrinn. C. A dubhairt thu, gur mearachd bhi ag radh, gu bheil anamaibh nan creidmhich ann diaidh na beatha so, dol do ionad ris an deir na Papanaich Purgudoireachd, chum bhi air an glanadh o ’n uile pheacaidh, m’ an d’ theid iad do rioghachd neamh; creud na riosunaibh leis am bheil thu a tilgeadh na bar’ail so bonn os ceann? F. Ata sinn a’ leugha san scrioptur, “Gum bheil fuil Iosa Criost a’ glanadh o gach uile pheacadh,” 1 Eoin i. 7. Uime sin, ni bheil feum againn’ air ionad glanaidh air bith eile; mar so, ’ta bar’ail Pur- * Arsantachd. † Epist. 28. ‡ Origen contra Colsum. [TD 37] goidearachd, na h eacoir shoilleir air dioladh Chriost mar ata i cialluchadh nach raibh sin leór fhoghainteach. C. Nach ’eil cuid do dhaoinibh foghlumta eaglais na Roimh ag aid’ichedh, nach ’eil bunachar air bith san scrioptuir air son teagasg na Purgoidearachd? F. Ataid. “Leugh me (deir Papa Gelasius) air an laimh dheas, agus air an laimh chli, ach cha ’n aithne dhamh treas áite.” Agus deir Priomh-cheann Fisher, Easpoig Rochester, “Ni bheil ach beag luadh air purgoidearachd a’ measg nan sinsireadh. C. Nach do thoiseach Papa Gregory ann toiseach na seathadh linn, air misneach a thoirt do theagasg na purgoidearachd? F. Thoiseach; ach cha do labhair iad air mar ni cinnteach gu ’n uig bliadhna ar Tighearna 1140, agus rinneadh puinc creidimh dheth le comhairle Florence, mu thiomchioll 300 bliadhna roimhe so, agus na dhiaidh sin, le comhairle Trent. C. Ata eaglais na Roimh ag radh, gur h i fein amhain an fhior eaglais, agus nach fhead neach air bith, bhith air a theasairgin, a sgaras è fein uaipe; cionnas ata mearachd an teagaisg so soilleir? F. Ata so soilleir o chomharthaidh airid fior eaglais, eadhon, bhi ag teagasg nithe do reir focail De, agus le bhi cur cul ris gach teagasg ata ’na aghaidh sin: ’Noise, nochd sinn cheana le iomad eisempleir, gu bheil teagasgaibh eaglais na Roimh easaontach do na scrioptuireadh naomh, agus gu direach nan aghaidh; uime sin, cha ’n fhead e bhi gur h ì an fhior eaglais, ach is eigin gur eaglais ro thruaillidh ì. C. Am bheil eaglais na Roimh da rireadh ag teagasg, nach fhead neach air bith bhi air a theasargin, nach ’eil d’ a co-chomunn sa, agus nach ’eil a’ creidsin mar ’ta ise ag creidsin? F. Ata comhairle Trent a’ daingneacha an teagaisg sin, agus ata gach Papanach ag aontuchadh le teag- [TD 38] aisgibh comhairle Trent mar phuingibh credimh; agus ata creid Phapa Pius IV. a’ labhairt air na puingibh a dhaingniche le comhairle Trent, ag radh riu, “Am fior chreidimh Coitchinn as eagmhus nach fhead duin’ air bith bhi air a theurnadh. C. Nach ’eil a’ Phapanachd uime sin, na creidimh ro mhi-fheirc’eil? F. Ata. Agus ata e r’ a thoirt fanear osbar, gu ’n do chuir comhairle Trent suas da phuing dheug creideamh, nach cualas riamh iomradh orra ann aon chreid feadh an t saoghail. C. Nach raibh an teagasg Papanach mu sheachd sacramainte ann ain fhios do ’n eaglais o shean? F. Ni an cualas riamh iomradh air teagasg seachd sacramainte ann san eaglais Chriostuidh, re ceithir no cuig ceud bliadhn’ ann diaidh Chriost. Ata sean aithreacha na h eaglais a’ luadh amhain air dias, eadhon, baisteadh, agus suipeir an Tighearna. Ata Justin Martyr, ann deireadh a dhara dionleith-sgeul ag aithris air dias amhain. Ata Chrysostum*, Cyril†, Theophilact, Ambrose, Austin‡, agus Damascean, ag sgriobhadh, gu raibh an t uisge, agus an fhuil a thanig amach a taobh ar Slanui’-fhear, ag cialluchadh sacramainte na h eaglais, eadhon, an t uisge am baisteadh, agus an fhuil suipeir an Tighearna. Ata iomad sgriobhach Papanach ag aich-sheun teagasg nan seachd sacramainte. Ata Hugo de S. Victore ag aich-sheun gur sacramaint ola bàis. Ata Halcot ag radh, nach aon sacramaint co’-dhaingneach. Ata Priomh-cheann Bessarion ag aidmheil da shacramaint amhain, baisteadh, agus suipeir an Tigherna. Ata an Cleireach Panormitan ag radh, “Nach d’ órduigh Criost peanas fhulang mar shacramaint.” Ata pósadh, agus órdugha’ gu deimhin nan gniomhartha greadhnach, ach ni bheil cuid air bith ionnta, do na nithe d’ am * Chrysost. in Jo. Hom. 87. † Cyril in Jo. l. 12. ‡ Aug. in Tr. 9. [TD 39] bheil sacramainte air an deanamh suas. B’ i comhairle Florence, ann sa bhliadhna 1438. a cheud chomhairle a shuidheich air áireamh seachd sacramainte. C. Mar bharantas air teagasg ola báis, nach ’eil na Papanaich ach dèanamh feum, do litir Sheumais v. 14, 16? F. Ata iad; ach ata e soilleir, gu bheil an t áite sin ag labhairt, thaobh gibhte miorbhuileach slanugha easlantibh, a lui’seacha air na h abstoilibh, agus cuid eile ann sa cheud linn do ’n Chriostui’eachd, nithi a sguir o cheann fhada. Do bhi urnuigh air son slanugha’ an duine easlaint, do ghna ann co’-chuideachd úngadh le h óla an gniomh crábhach air am bheil an t abstol Seumas ag aithris; ach ni bheil eaglais na Roimh a’ gnathacha’ urnuigh air bith ann am bhi tabhairt ola báis. C. Nach ’eil comhairle Chonstance, a chruinnigh ann am bliadhna ar Tighearna 1415. a’ mineacha’ agus a cur amach, gu bheil rún an ti a bhios a’ friotheala nan sacramainte priomh fheumail chum an eiseachd? F. Ata. C. Ciod iad na nithe ata leantuin air an teagasg so? F. Ata e srutha o ’n teagasg so, gu ’m fead sagairt aingidh le a dhroch rún ann am fritheala eifeachd nan sacramainte, a bhacadh, ge do bhios deagh rùn diadhaidh maille re ull’ucha’, ann san dream d’ am frithealar iad; agus gu ’m bi congnamh grása De, air a chumail air ais uaith san ann gabhail nan sacramainte, ma ’s ail leis an t sagairt gu ’m bi iad gun eifeachd. Nach mór a mhi-riosunt so! C. C’ uin’ a bha aid’iche uaignigh air a chur mar fhiachacha le eaglais na Roimh mar ni feumail chum slainte? F. Cha raibh roimh chomhairle Lateran ann sa bhliana na 1215. C. Nach ’eil teagasg nam Papanach thaobh priomh-fheum aid’ichidh diomhair ann aghaidh nan scriopture? F. Ata. Faic Isa. lv. 7. Gniomh. ii. 38. agus iii. [TD 40] 19. agus xvi. 30, 31. Rom. x. 3. C. ’N uair ata na sean aithreacha ag labhairt air aidmheil, nach ’eil iad tostach mu aid’-icheadh diomhair, mar ata é air a theagasg le eaglais na Roimh? F. Ata. Faic sgriobhain Origin, Chrysostom, Augustin, &c. C. Nach ’eil cuid do na Papanaich fhoghlomta’ a’ gabhail o ’s laimh, nach raibh aid’-icheadh diomhair air órdugha’ le Criost, agus nach ’eil barantas o Dhia air a shon? F. Ata; gu sonruighte am Priomh-cheann Cajeton, air Eoin xx. Scotus in Sent. 4. Dist. 17. q. 1. Bell. de Penit. l. 1. ch. 4. C. Nach ’eil aid’icheadh diomhair na inneal ro chuntartach ann sealbh eaglais na Roimh? F. Is deimhin sin. C. Nach ’eil an teagasg Papanach ’ta toirmeasg pósaidh do ’n chleir, an aghaidh nan scrioptuir? F. Ata. 1 Tim. iii. 2, 12. Lev. xxi. 13. Heb. xiii. 4. 1 Cor. vii. 2, 9. C. Nach ’eil Ambrose air 2 Cor. xi. ag radh, gu raibh na h abstolaibh postadh uil’ ach Eoin amhain? F. Ata è. C. Nach raibh Tertullian agus Hilary póstadh, agus nach ’eil Chrysostom, Ambrose, Epiphanius, Theodoret, Theophilact, agus cach eile do na h aithreacha, ag radh, gu bheil pósadh laghail do ’n chleir? F. Ata. Faic an sgriobhuiean. C. C’ uin’ a bha an teagasg Papanach, ata deanamh pósadh na cleir peacach, agus ata toirmeasg pósaidh dhoibh air a dhaingneacha? F. Chuaidh dhaingneachadh air thus le Papa Gregory VII. m’ an bhliadhna’ 1074. agus ata Bellarmine ann labhairt air an am sin, ag radh, “Gun do chul-sleamhnuigh easpoigibh na Roimh o dhiadhachd nan aithreachaibh.” CRIOCH nan CEISTEAN. [TD 41] CREID PHAPA PIUS IV. 1560. I. CREIDEAM ann aon Dia, an t Athair Uil’chumhachdach, Cruthai’fhear neamh agus na talmhain, agus gach aon ni faicsionnach, agus neo’-fhaicsionnach. II. Agus ann aon Tighearna, Josa Criost, aon ghin Mhic Dhe, air a ghintin o ’n Athair o uile bhio’bhuantachd; Dia do Dhia, Solus do Sholus, am fior Dhia do ’n fhior Dhia, air a ghineamhuin, agus cha ’n ann air a chruthacha’ do aon bhrigh, no substaint ris an Athair, leis an d’ rinneadh gach uile nithe. III. Neach air ar soinne daoine, agus chum ar sabhala, a thainig anuas o neamh, agus a rinneadh na dhuine leis an Spiorad Naomh do ’n Oighe Muire, agus a bha na dhuine. IV. Agus do cheusadh mar an ceadna air ar soinne, faoi Phontius Pilate, a dh’ fhuiling, agus a dh’ adhlaca’. V. Agus a dh’ eirigh airis air an treas la do reir na scriopture. VI. Agus a chuaidh suas air neamh, agus ata na shuidhe air deas laimh an Athair. VII. Agus thig e ris ann gloir, a thoirt breith air bheoaibh, agus air mharbhaibh, agus cha d’ tig crioch air a rioghachd. VIII. Agus ata mi a’ creidsin ann san Spiorad Naomh, Tighearna agus ughdar beatha, ata teachd o ’n Athair, agus o ’n Mhac le cheile, d’ an dlighear adhradh agus gloir, an ti a labhair leis na faidhibh. IX. Ata mi creidsin aon eaglais Choitchinn, agus Abstolach. X. Ata mi g’ aidmheil aon bhaisteadh air son logha cionta. XI. Ata mi ag amharc air son aiseirigh na ’m marbh. XII. Agus beatha an t saoghail re teachd. Amen. XIII. Ata mi gu daingean ag aontuchadh, agus a gabhail, re beul-theagasg abstolach agus eaglaiseach, agus gach uile ghnathacha’ agus riaghailteadh na h eaglais cheadna. XIV. Ata mi ag aontuchadh leis na Scrioptuire Naomha, ann sa cheart seagh ann sam bheil a mhathair eaglais naomh a’ deanamh, d’ am buin breith a thabhairt air am fior sheagh, agus a mineacha’, agus minicheam iad do reir aontuchadh aonsgeulach nan aithreachaibh. XV. Ata mi ’g aidmheil agus a’ creidsin gu ’m bheil seachd sacramainte do ’n nuadh lagh ann, gu fior agus gu direach air an gairm mar sin, air an ordughadh le ’r Tighearn’ Josa Criost, agus feumail chum slainte chinnigh dhaoine, ge nach ’eil iad uile feumail do gach aon neach, eadhon, baisteadh, co’-dhaingneacha’ suipeir an Tighearna, peanas, fhulang, [TD 42] ola bais, ordugh, agus posadh, agus gu ’bheil iad ag aisig grais; agus dhiubh sin nach fhead baisteadh, co’-dhaingneacha’ agus ordugh, bhi air an tabhairt ath’-bhuailt’ as eagmhus naomh-ghaoid. Ataim mar an ceadna, a’ gabhail agus ag aontuchadh, leis gach riaghailt ris an do ghabh, agus an d’ aontaigh an eaglais Choitchinn ann am fritheoladh solaimte nan sacramainte sin. XVI. Ata mi a’ gabhail, agus agus ag aontuchadh, leis gach ni air an do reitigh comhairle naomh Trent, thaobh peacadh gin, agus firineacha’. XVII. Ata mi ’g ’aidmheil mar an ceadna, gu bheil gu fior agus da rireadh iobairt reitich air son nam beo agus nam marbh air a h oifrealadh do Dhia ann san aifrinn; agus gu bheil corp agus fuil Josa Criost ar Tighearna, maille r’ a anam agus r’ a dhiadhachd, gu fior agus da rireadh le ’n uile-thabhachd ann an sacramaint naomh na suipeir, agus gu bheil lan atharrach’ air uile bhrigh an arain gu corp Chriost, agus air uile bhrigh an fhiona g’ a fhuil sin, agus ris an atharruch’ so, deir an eaglais Choitchinn TRANSUBSTANTIATION*. XVIII. Ata mi ’g aidmheil gu bheil Criost gu h iomlan, agus fior shacramaint air an gabhail fuidh aon ghne amhain. XIX. Ata mi creidsin mar an ceadna, gu daingean, gu bheil Purgoidearachd, no ionad glanaidh ann; agus gu ’m bheil na h anamaibh ata air an comail nan priosuinich ann sin, ag faghail furtachd trid cuideachadh nan ionracain. XX. Ata mi creidsin mar an ceadna, gu bheil adhradh, agus urnuigh r’ an tabhairt do na naoimh ata rioghacha maille re Criost; agus gu bheil iadsan re urnuighean air ar soinne, agus gur coir mor mheas a bhi d’ am fuighleach†. XXI. Ata mi gu ro’-dhaingean, ag radh, gu ’m bu choir iomhaighin Chriost, agus na Oighe Bheannuighte, agus iomhaighin naoimh eile a bhi aguinn, agus an coimhead, agus gu bheil onoir, agus meas dligheach r’ an tabhairt dhoibh. XXII. Ata mi ag dimhineach gu ’n d’ fhag Criost cumhachd deagh-ghean, no cairde ann san eaglais, agus gu bheil bhi ’g an gnathacha’ ro chosta’ch do ’n t sluagh Chriostuidh. XXIII. Ata mi ’g aidmheil, gur h i eaglais naomh, Choitchinn agus abstolach na Roimh, mathair, agus bain tighearna gach uil’ eaglais; agus ata mi gealltain, agus a’ mionnachadh umhlachd do easpoig na Roimh, fa’-cheimnighe ’n Abstoil Pheadair, Prionsa nan Abstol, agus fear ionaid Iosa Criost. XXIV. Ata mi gu ’n teagamh a’ gabhail, agus ag aidmheil, gach aon ni eile, a thugadh, a reitigh, agus a chuir * Brigh’-atharrach. † Reliques. [TD 43] eadh an ceill leis na comhairle, agus an naomh lagh feadh an t saoghail, agus gu sonruighte le seanadh naomh Thrent; agus gach uile nithe ata na aghaidh sin, agus gach eiriceachdacha, a dhiteadh, a dhiultadh, agus a mhallaighe leis an eaglais, Ataim mar an ceadna, a’ diteadh, a’ diultadh, agus a’ malluchadh. Sgriobhadh an CREID so san Roimh, ann bliadhna ar Tighearna 1560. ann sa chuigeadh bliadhna do Phapachd Phius, agus ata gach neach a ghabhas oifig naomh na cleire air fein, ceangailt’ le mionna, cha ’n e mhain a chreidsin, ach a sheasamh, agus a dhion, agus a theagasg do ’n treud a chuireadh air a churam, agus sin fuidh dhiom an De Uilechumhachdaich, agus nan abstol naomh Peadar, agus Pol. Ata cheud da phuing dheug do ’n Chreid so, do reir na Criostui’eachd o shean. Agus is teagasg Papanach a’ chuid eile dhuibh. Ata na puince, agus na briathraibh a leanas air an cruinneachadh a ’s lagh na Cleire le Ard Easpoig Cranmer, a nochda’ an fheum a bha air aith-leasugha. Ni ’m feadar breith a thabhairt air easpoig na Roimh le neach air bith, ach le Dia amhain; agus ge nach biodh meas air bith aige do shlaint’ anma fein, no do shlaint’ anma duin’ air bith eile, ach ge do thairneas e sluagh gu ’n aireamh nan cruachaibh sios do iofrionn maille ris fein; gidheadh cha ’n fhead duine beo air thalamh a chronacha’, oir a mhead as a deirir Dia ris, cha ’n fhead duine breith a thoirt air, oir cha ’n fhead Dia teachd fuigh bhreitheanas duine. Feadaidh easpoig na Roimh, iochdranaibh fhuasgladh o ’m mionnan dilseachd; agus feudaidh e carn eaglais a chur air impearaibh, agus air prionnsaibh, an cur sios as an dreachd, agus an iochdranaibh fhuasgladh o ’m mionnan, agus o ’n umhlachd dhoibh, agus mar so an co’-eigneachadh chum ceannairc nan aghaidh. Cho bu choir do righribh, no do phrionnsaibh, easpoigean a chur nan suidhe ’n taobh shios diubh, ach eirigh suas gu h urramach fa ’n comhair, agus aite suidhe onorach laimh riu a thabhairt dhoibh. Bu choir gach uile chuis spioradail, no aimsireil a’ chriochnacha, agus a reiteacha’ le breith na cleire. Cho bu choir do bhreitheamh air bith fiadhnais aon easpoig a dhiultadh ge nach be ach a h aon ann. Cho choir muintir an t saoghail a bhi ’n am breitheamh air a chleir, ni mo a dh’ fheadas iad an co’-eigneacha’, a dhioladh am fiachaibh dligheach ach ’s iad na h easpoigibh a- [TD 44] mhain as eigin bhi ’n am breithibh orra. Buinidh e do easpoig na Roimh gach uil’ ardugha inmhe spioradail a thabhairt. Cha ’n fhead aon neach a bhitheas re fior aithreachas maitheanas peacaidh fhagail, ach trid athchuinge ris na sagairtibh. Ata sinn a’ faghail maitheanas peacaidh le bhi toirt aire do fhleadhaibh, agus do thuirisibh airid ann san mheannmghair*, agus amaibh fuight’ eile, le fearta maitheanasa eospoig na Roimh. Feadaidh easpoig na Roimh neamh fhosgladh, agus a dhruideadh air daoinibh. Cha ’n fheadar ni air bith a dheanamh an aghaidh na ti a thogbhas a chuis chum na Roimh. Cha ’n fhear murtaidh an ti a mharbhas duine ata fuidh charn eaglais. Ni bheil eiseachd, no treise air bith ann an reachd prionsaidh, ma taid an aghaidh reachd agus ordughean easpoig na Roimh. Ann so ata leantuin briathra a ghnathaigh Tetzel, agus a chompanachaidh, ann bhi mineacha’ an tairbh ata ann caird’, no comas fhaghail, agus am feum ata air an ceannach beagan roimh an aithleasacha. “MU cheannaicheas duine air bhi litirche comais, feadaidh anam clos fuaimhneach a ghabhil, thaoibh a slainte. Na h anamaibh ata air an comail am Purgoidearachd, air son am bheil an comas so air a cheannach chum an saorsa, co luadh as a ni an t airgiod fuaim ann sa chiste, ata iad air ball ag faghail fuasgladh as ionad na do ’ruinn sinn, agus a’ dol suas chum neamh. Gu ’m bheil eifeachd cairde, no litriche comais, co mhor, ge do bhitheadh neach ciontach, ann sa pheacadh as ro’-ghrainealeadh, eadhoin, eigneachadh a’ dheanamh air mathair Dhe (ni nach ’eil comasach) gidheadh, gu ’m bitheadh e air a logha, agus air a thoirt air falbh leo, agus an duine air a shaora o pheanas agus o chionta. Air son tastan feadaidh thu anam t athair a shaoradh a Purgoidearachd. Ata iad sin, agus iomad briathra fiathuigh eile, air an roghnacha ’mach a sgriobhui’ean Luther le Chemnitius, ann a Examen. Consilii Tridentini, apud Herm. Vander Hardt. Hist. Liter. Reform. pars 4. taobh duileag 6. * Jubilee. [TD 45] Eisempleiribh air AIN-IOCHD na PAPANACHD. DO bi a Phapanachd ann sgach linn, Mathair Grainealachda na Talmhain. Do bhi moran do na Papaibh nan torathairibh co’-airighte air sporsa, uail-mhianucha, neo’-dhilseachd, ain-tighearnas, ain-iochd, neo’-dhiadhachd, agus gach gne aingidheachd. Agus do leann na Priomh-chinn, na h ard easpoigeadh, na h easpoigeadh, gu suilbheir an eisempleir ua’-bhasach a chuireadh rompa le ’n uachdranaibh spioradail, ann ’s gach lochd ro’fhuathach. Thug a chuid mhor do ’n chleir a b’ isle ’n am measg iad fein suas gu h ain-eolas, traitearachd, agus droch gniomharatha; ag eabra’ ann striopachas, sodomachd, fein-thruailleadh, &c. Ach cha ’n e so an t iomlan; do bhi siad ciontach ann sna h ain-iochdaibh a b’ oilteileadh, ann san all-mharachd bu bhruideala, gach am a fhuair iad lamh an uachdar. Mar fhia’nais murtadh eidear le cheud, agus tri fichead million Protestanach, gun bhrosduchadh air bith ann Germany, Poland, Spain, Asia an Iar, Africa, Innseadh na h ard an Ear, agus America, fuidh sgaile bhi a craobh sgaoileadh an t soisgeul, no chum ait’adhlaic Josa Chriost a chosnadh as laimh na mi-chreidmhich; an traitearach agus am murtadh bruideal, chum cur as do mhiltibh do na Waldenses, agus dreama Aithleasuight eile as an Fhraing, Bohemia, Hungary, Transilvania, Lithuania, agus a Poland; mar an ceadna o Austria, am Palatinate air an Rhine, Saltsburgh, agus ionada eile ann Germany; geur leanmhuin ath-bhuailt am Piedmont, Savoy, agus an Fhraing; am murtadh iofrionnach air Protestanaich san Fhraing, agus Eirinn*. An oirpe ann dana, a thugadh air Righ SEUMAS I. Shasgain agus a mhordhaill, chum an seudadh suas le fudar ann san aithir; na geur leanmhuine ath-bhuailt air Protestanaich (do gach ainm) ann BRITAIN, fuidh rioghach prionsaidh Papanach, no iad san a bha tairgse * Am Paris air la Bhartholoime, ann sa bhliadhna 1571. ann am marbh na h oidhche; agus gaoirid na dhiaidh ann ionadaibh eile ’s an Fhraing, do bhi 25 mile (do reir cunntais Mhezeray 30 mile, do reir cunntais Thuanus da sgriobhadair Phapanach,) gu h all marach air am murtadh: Agus do bhi iomad ceud do na Flaithibh, agus do uaislibh na rioghachd a chuaidh chuireadh chum posadh Riogh Navarre ’n am measg, ris an do ghabh a chuirt gu failteach, agus leis gach coslas cairdeas; agus thug Papa Gregory XIII. buidheachas foilleasach do Dhia air son a chosgradh oilteil so. Agus ata S. Eoin Temple ag sgriobhadh gu ’n deachadh deich agus seachd fichead mile Phrotestanach a chosgradh ann Eirinn, gun bhrosducha air bith aun san bhliadhn’ 1641. ann uine da mhios. [TD 46] pilleadh air an ais chum eaglais na Roimh, agus faidheoidh, bhi cuir sios prionsaidh, rioghraidh, agus impeirean o ’n ughdarras le reachda Papail, leis an raibh an riochdaibh air an cuir faoi mhallucha’, no faoi thoirmeasg, agus an iochdrasaibh air am brosdugha chum ceannairc nan aghaidh, no chum am murtadh, agus aithn’ aig’ prionsaidh eile am fearan a’ ghlacadh, faoi phaineachas tuiteam fuidh fheirg an De Uile-chumhachdaich, agus faoi’ dhiom nan abstolaibh naomh Peadar agus Pol. Ata an doigh ifrionnach, leis am bheil Papanaich a car an ain-iochda oilteil ann gniomh air Protestanaich na uamhunn do nadura dhaoine. Ann an cur gu bas leis a Chuirt Rannsughaidh an diaidh ann neach ris an abair iad eiriceach, a thoirt suas do ’n diabhuill agus d’ a ainglibh gu folaimte, ata e air a losgadh gu bas, am builsgean dearcadh le aoibhneas, agus ard chliu na ceart droinge a dh’ amhairce air bas, a chiontaich bu mho, le truas. Cha ’n ’eil neach air bith aig’ am bheil co mhothughadh duine, a dh’ fheadas a leughadh gun oilt’ agus ua’mhunn an cunntas ata air ain-iochd nam Papanach ann Piedmont, an Fhraing, Eirinn agus ionada eile. Do bhi cuid air am fionna beo, cuid eile air am beo adhlac le ’n cinn os ceann na talmhain: cuid eile a bha an srona, an ciochan, agus buill eile air an tarruing dhuibh le turcaisibh teine dearg, agus an eadan air an locar le gilbibh, do bhi cordaibh air an ceangal mu chinn droinge eile, agus iad air an teannadh le bataibh gus an d’ tainig an fhuil amach air an suilibh, air an cluaisibh, agus air an sronaibh, air uaireadh leumadh an suilibh as an ceann. Do bhi beul agus ionada fosgailt eile cuid air an lionadh le fudar, agus ann sin teine ga chur ris; do bhi beulaibh cuid eile air an cumail fosgailte le sruillean agus uisge lobhta, fual, agus nithi salach eile air an dorta’ sios nan amhuigh. Do bhi mnai air am fosgladh suas, agus an sin air an roasda air stoba iaruin, agus an sin an ciochan ’ga ’n ith mar nithe soghail: do bhi moran dhiubh a bha torruch air an sgoltadh suas chum s gu tuiteadh na leanaibh amach, mar chobhartach do mhadraidh agus do mhucaibh. Do bhi bain tighearnaibh, agus mnai uasal, oighe maiseach, agus caileana og air an eigneacha’ gu foilleasach ann lathair am feara postadh, agus am parantaibh; agus do bhi cuid dhiubh airis air an giulan mar bhuill fanoid le stuib air an sathadh suas rompa. Naoidheana gu h aith-neasach air an tarruing as a cheile, no air an tilgeadh thar creaga ard; agus moran dhiubh air an cumail suas air roinnibh cloidheamh agus fleadhan, gus an deug iad le spairn: do bhi moran air an glacadh air an sailtibh, agus air am bualadh gu bas air crannaibh agus air clochaibh. Do bhi moran air an losgadh [TD 47] a dheanamh sugraidh gus an do bhruchd a’ mionach amach, no air an tuthchadh gu bas le teine mall, ann an uaimhibh. Chuaidh caolain cuid a cheangal re craobhan, agus do bhi iad an sin air an sgiursadh ma ’n cuairt gus an tarneagh gu h iomlan amach iad; do bhi an croidh air a thabhairt as dream eile, is iad ’g an cagnamh le ’n fiaclaibh. Do bhi cuid air an seideadh le builg, gus an raibh iad ullamh chum sgaineadh as a cheile, do bhi pineacha air an sathadh gu tiugh an ann cuid eile o mhullach gu bonn; an t am bha dream eile air an roasda le teine foadair no ann amhuinn theanteadh. Do bhi clann air an co-eigneacha’ chum am parantaibh gradhach a mhurtadh, no parantaibh chum an caomh chlann a bhathadh no chum an sgornach a ghearradh. Do bhi fir-phostadh air an co-eigneacha chum lann a shathadh nam mnai gradhach, agus mnai chum am fir-postadh caomh a chrochadh, agus ann sin air a murtadh gu h ain-iochd-mhor iad fein. Ann sgach ain-iochd ua-bhasach agus murt’ all-mharach dhiubh sin, a ghnathaighe air droing Aithleasaighte, cho roibh na mnai Papanach dada gaorid do na feara; oir ann sa choscradh an Eirinn, do mharbh aon diubh seachdnar fear agus mnai ann aon mhaidin, agus do mharbh aon eile dhiubh cuig i da fhichead bean le a laimh fein. Agus ’n uair a ghear na h iofrionnaich neo’-dhiadhaidh sin nam bloideamh as a cheile agus a loisg iad moran Bhiobuil Protestanach, dubhairt iad “Gur b’ e Tein’ Iofrionn a bha ann.” Cha ’n eil’ sinn a’ labhairt air diabhla, ach air PAPANAICH! CRIOCH. [TD 48] CARDE, NO COMAS a dh’ aontaigh PAPA CLEMENT V. do EOIN, agus JOAN, RIGH agus BAIN RIOGHAIN na FRAINGE, agus d’ an FUI-CHEIMNIGHIDH gu brath. CLEMENT Easboig, seirbhiseach, do sheirbhiseiche Dhe, d’ ar mic agus ar inghin ro chaomh ann Criost, an roi-oirdheirc Eoin, agus Joan Riogh, agus Bain-rioghain na Frainge, failte, maille r’ ar beannugha’ abstolach: Ata sinne gu toilleach ag aontachadh le’ r ’n iartus sa, agus gu sonruighte, ann sna nithe sin ata sibhse ’g iarruidh gu diadhaidh, gu ’n deonaiche Dia dhuibh sith agus suaimhneas. ’S ann uaithe so, ata sinne ullamh a fhreagradh ar ’n iartuis umhal, agus le ’r ’n ughdarras abstolach, ata sinne leis an Litir so, ag aontuchadh lan chomas gu brath na dhiaidh so, dhuibh se, agus d’ ar fui’cheimnighibh a bhitheas ann san am nan righribh agus na ’m bain-righribh san Fhraing, agus do gach aon aguibh se, agus dhoibh san faileith: Gu ’m fead gach athair faoisaid* mu san do ’n chleir, no do ’n t sluagh a bhitheas e d’ an dean sibh se, no iad san roghain, malairt a thabhairt ann s gach moid no gealladh a thug sibh cheanna, no bheir sibh se, no ar fui’cheimnighibh na dhiaidh so, (ann taobh mach do mhoide m’ an Fhearan Naomh, no mu na h abstoil bheannuighte Peadar agus Pol, no mu gheannuigheachd amhain) agus mar an ceadna, gach mionna a thug sibh, no bheir sibh se, no iad san, ann s gach am re teachd, nach fheadar a’ choimhead gu tarbhach, gu ’m feadar am malairt, le oibribh diadhaidh eile, mar chi eisean iomchuidh air son sith ar ’n anamaibh se, no an anamaibh sin. Bitheadh e uime sin, air gach doidh neo’-laghail do neach air thalamh atharrach’ a dheanamh air a-so, no le dioras cur na aghaidh. Agus bitheadh fios aig’ gach neach a bheir oirp’ air an nith so, gu ’m bheil e air ball a’ toilltin fearg Dhe, agus fearg nan abstol naomh Peadar agus Pol. Air a tabhairt aig Avignon. 12 Calend. Maii. ann 1357. Faic Cacherius Spicileg, miscell. Epiostolar, tom. 4. p. 275. *** Do reir an Litir so, cha ’n fheum righ air bith Francach a’ mionnan as solaimte a choimhead ’n as faide na bhios e tarbhach dha sin a dheanamh, agus ma gheibh e faoiseadach, a mhalairteas nith eile air son a bhriseadh, feadaidh e rogh-ain a dheanamh air neach air bith do ’n chleir a thogras e, chum faosaid. Ata e soilleir mar an ceadna, nach ’eil dion earbsa air bith thaoibh coi’cheangal reite, sith no cairdeas a nithear re daoinibh a ghabhas an t sochair so dhoibh fein. PROTESTANACH. * Father confessor.