[TD 1] DEASBAIREACHD EADAR AM PAPA AGUS AN T-ATHLEASACHA. * Sean fhocail gheur agus comhadan, Agus mòran de chomhairlibh glice; ’S ma shaoileas tu gu bheil iad feumail, Cuimhnich an leughadh na ’s trice. LE DONNACHA LOUDINN. MAILLE RI LAOIDH MHOLAIDH DO CHRUITH-FHEAR ’N T-SHAOGHAIL, LE DAIBHIDH MACAILEIR. AGUS LAOIDH, LE IAIN MACDHONUILL, MINISTEIR URACHADUINN. AN DARA CLOTH-BUALA. * The change of Religion from the corruptions of Popery to its primitive state. Edinburgh: MENZIES, LAWNMARKET. 1834. PRICE SIXPENCE. [TD 2] EDINBURGH: R. MENZIES, PRINTER, 304, Lawnmarket. [TD 3] AN ROIMH-RADH. BHA an Leabhar beag so, an tùs air a chuir amach leis an Ughdar, DONNACHA LOUDINN, a’ Glean-Liobhan; duine diaghaidh measarra, deas-labhrach, air an robh mor eagal Dè ann an earralach chaich; chaith è a bheatha gu measail, seachna gach coslas uilc. Bha è aonta eigin maille ri Douhgall Buchannan, an ceann Loch Ranneach, na thuairnear, na saor chui’lacha beag. An deigh sin thainig è do sgireachd Shrudhain, agus an sin thainig è do Fhonnachastle, far an do thuinich è moran bhliadhnachan. Bha è ma thuairmeas ceithir fichead bliadhna, a reir barail dhaoine. Chrioch è ’s an Tiogharna; bha eolas criodhe agam air, agus do bhri gun robh sinn le cheile ’s an aon bheachd, bha toil agam gun a chliù leigail as an t-sealladh; gheall mi do roinn do chardean gu ’n clo bhuailinn a leabhar an dara-uair. Thuair mi moran dragh mun duairer an leabhar amach, agus anis air dhomh fhaotainn, trid comhnadh freasdail, ma bhios mi air mo chaomhna, ni mi so gun dail, cho saor is tha ann am chomas. D’fhaoite gum bi cuid eigin a faotainn coire dhamh an cuid do mhearachdan, aidicham sin, ach ceasnuicheadh duine è fein am bheil è saor o’ oilbheum, no bheil è sa chreidimh no nach’eil, mar sin thoireadh è breith. Iain M‘Lachlainn, eilder am Fonnachastle. [TD 4] [Blank] [TD 5] DEASBAIREACHD EADAR AM PAPA AGUS AN T-ATHLEASACHA. * THA ’m PAPA agus an t-ATHLEASACHA, An so a feuchainn nan ceuma, ’S gach seol a bha iad a leantuinn Mu’n deach’ iad mu’n seach air a cheile. Tha punga na Creidimh air ’n dearbha, Le argumeintean tha co laidir, A’s gu feud thu fhaicinn le d’ shùilibh Co am fear dhiubh bha ’s an fhàiling. CHUNNAIC mi an t-Athleasacha, ’S dh’ fheuch e dhomh gu’n robh e dìleas, ’S e air a Phillar ag freasdal ’G a chumail na sheasamh dìreach. Chunnaic mi ’m Pàp’ ann an uamhidh, ’S e sealltuinn gu h-uamhurra dìblidh; Na h-uile neach a thainig fiar air, Chas e fhiacla le strì riu. Bha armailte mòra mu ’n cuairt da ’Nan seasamh gu cruadalach dìleas, Chum am Pillar a thionndadh, ’S gu’n deantadh cam na bha dìreach. Nam b’ urrainn e cothrom fhaotuinn Air na daoine nach do ghèill da, * Faic Pilgrim’s Progress, Part III. [TD 6] Gu-m fuilingeadh iad am bàs gu h-umhal, Mur grad mhúthadh iad an dóchas. A. Thu’irt ’n t-Athleasacha, ’s e ’g eirigh, Ma ’s tus’ a’ Bheist tha air innseadh, ’S beag an t-ioghna thu bhuntainn deisneach Ris gach neach nach geill do t-iomhaigh. P. Is mise fear-ionaid Pheadair; Tha ’n Eaglais uil’ air mo chúram; Is beag an t-ioghna dhomh bhi dubhach ’S a’ chuid is mò air cur cúl rium. A. Cia mar ’s urrainn thu a dhearbhadh Gur ann riut a dh’ earbadh áite, ’S ceum d’ a ród nach ’eil thu cumail Saor o ’n chúis ’s an d’ rinn e failinn? P. Ciod an ceum nach ’eil mi leantuinn, No ’n d’ rinn mi mearachd no fàilinn, ’S gu-n d’ fhuair mi mach ioma seol A chumail comhnadh ri luchd cràbhaidh? A. Ciod am feum th’ ac’ air do sheol, ’S an Scrioptur fo ’n scóid, ’s e ’g innseadh Gu-n tig mallachd air gach duine, Chuireas tuille ris na scriobht’ ann. * P. Cha do chuir mise gu leir ris Ach ni tha ’n Scrioptur fein a dearbhadh Gur cóir dhuinn bhi ’g an cumail, Mar tha croisean ’us dealbhan. A. Cia mar ’s urrainn thu innseadh, No leis an Scrioptur a dhearbhadh, Gur cóir dhuinn geilleadh no lúbadh, No umhlachd a thabhairt do dhealbhan? * Deuter. iv. 2.—xii. 13. Taisb. xxii. 18. [TD 7] P. Cha ’n ann doibh tha mise geilleadh, Cha n-eifeachdach gu mo dhion iad; Ach nach fiu iad beagan meas Air son gach neach a ta iad ciallach? A. Tha sin an aghaidh nan áithntean, * ’S cha dean e stá chum ar cómhnadh; Am feud do bheachd bhi air an altair, ’S air flaitheanas mar chòmhla? P. Nach feaird sinn na dealbhan againn Chum maise chuir air ar n-aodhradh? Nach mór an tiomach’ bheir e d’ aigne, Rud fhaicinn, seach bhi ’g a smaointeach? A. ’Nuair a theid thusa do ’n eaglais, ’S a leigeas tu air do ghlún thu, An urrainn d’ inntinn gun bhi dearcadh Far am beachdaich thu le d’ shúilibh? P. Nach mòr is feaird mi bhi ’g am faicinn, Chum ’s gu’n taislicheadh iad m’ inntinn, Cha deanadh e uiread de stà dhomh, Ge d’ bhiodh neach gu bràth ’g a innseadh. A. Tha thusa cosmhuil ri Tomais, ’S mòr tha annad de ’n an-earbsa; Cha chreid thu dad ach na chi thu, Ge d’ tha ’m Piobul air mar dhearbhadh. P. Cait’ an d’ fhuair thu ’n gliocas mòr sin, Dh’ fhàg co eolach anns gach càs thu? Am feud thu àicheadh, ’s na dean breug, Gur ann mach uam fein a chaidh thu? A. Is ioma ceum a rinn sinn cuideachd, ’Nuair a bha gach duine ’g ar díteadh; * Ecsod. xx. 4. Deuter. iv. 15—18. xvi. 22. [TD 8] Chaidh thusa air seacharan ’s a cheathach, A’s lean mis’ an rathad direach. P. Is tusa fein chaidh bharr an rathaid, A’s dh’ aithnich thu gu’n cuirinn tóir ort; Dh’ fhàg thu do mhuinntir ’s do rioghachd, Is chaidh thu thír nach robh thu eolach. A. ’Nuair chaidh thusa ’n aghaidh d’ orduigh, Nach bu chòir dhomh ’n sin do threigsinn? B’ fhearr dhomh pilleadh ’n leth an atha, Na gu ’m bàithte sinn le chèile. P. Nach iomadach neach de d’ sheòrsa, Rinn mis’ a leonadh ’s a mharbhadh, Cheann iad fein a bhi co ghòrach, Nach gabhadh iad an seol a b’ fhearr dhoibh? A. Tha thusa mealladh nam míltean Le d’ chuil’eartaibh innleachdach faoine; ’S b’ fhearr leamsa básach’ ’s an fhìrinn, Na gu ’n striochdainn do thoil dhaoine. P. Is neonach leam nach ’eil thu striochdadh, Ma ’s duine ’g am bheil ciall no túr thu, Is gu bheil dearbhadh anns a’ Phìobul Air gach ni a chuir thu cùl ris. A. Am bheil am Piobul ortsa ’g iarruidh Am fion a chumail o d’ luchd eisdeachd, ’S thu fein a bhi ’g an deanamh cinnteach, Gur i fuil an Ti chaidh cheus’ th’ ann. P. An saoil thu ’n urrainn fhuil ’s fheoil Gun chomhnuidh ghabhail mar ri chèile? An ti sin a dh’ itheas an t-aran, Bidh ’n fhuil aige mar an ceudna. [TD 9] A. An oidhch’ a rinn e ’n cupan orduch’, Thuirt e, “òlaibhse gu lèir dheth, “Chumail cuimhne suas ri ’r beo “Air m’ fhuil-sa a dhòirteadh mu’n chrann-cheusaidh.” * P. Bheannuich e ’n t-aran, ’s bhris se e, ’S shìn e dhoibh e ’n sin gu deòinach; “So mo chorp-sa th’ agaibh nise, “A chaidh bhriseadh air son mórain.” † A, An robh ’s an aran sin ach samhladh, (Thog e suas ’n a laimh o ’n bhord doibh), Air a chorp a bha gu bhriseadh; ’S fios aca nach b’ fhuil ’s nach b’ fheoil e? P. Ciod tuille th’ agad r’ a labhairt, Ge d’ theid thu co fhad ’s is leir dhuit; Feuch am faigh thu punc a m’ ordugh, Nach ’eil comhdach air, ’us deuchainn? A. An saoil thu bheil de chumhachd agad, Co fhada ’s gu bheil thu ann a d’ dhóchas, Na bheir an Tighearn as na flaitheas, A’s fheuchainn an riochd arain dhomhsa. P. Tha mo chumhachdsa co làidir, ’S ma tha duine chaill a chiall ann, Bidh na deamhain umh’l do m’ fhocal, A’s teichidh iad amach air m’ iarrtas. A. Dh’ innis ar Slanuighear fein duinn Gu’n robh daoine ris an t-sheol sin, Bheir e ordugh dhruideadh mach, A cheann nach robh ac’ air eolas. ‡ * Luc. xxii. 19. &c. † Matt. xxvi. 16. &c. ‡ Matt. vii. 22, 23. [TD 10] P. Tha thu nis’ air sgaoileadh comuinn, Cheann gu-n d’ fhuair thu comas pòsaidh, Ge d’ bha mis’ ga d’ dheanamh cinnteach, Gur ann singilte bu chóir dhuit. A. Tha ’n Spiorad ag innseadh gu soilleir Gu ’n tigeadh luchd saobhaidh gòrach, Toirt aire do theagasg dheamhan, ’S ag iarraidh fuireach gun phósadh. * P. Tha thusa meallta ’n ioma barail, O’n tha thu co lag a’ d’ dhochas, An neach do nach aithne an rathad, Is deacair dha ghleidheadh gun seoladh. A. C’àit an urrainn thus’ a sheoladh? Cha ’n ’eil d’ eolas seach am Piobul; Cha robh thu ann ’n saoghal nan spiorad, A chum sinne dheanamh cinnteach. P. Is aithne dhomh gu math mar tha iad; Tha cuid diubh an àrosaibh gloirmhor; Tha cuid anns an eadar mheadhon, ’S cuid eil’ ann an ionad na doruinn. A. Cha chuala mi ionad meadhoin Bhi ’n taobh so de fhlaitheas na gloire; Chaidh Lasarus gu uchd Abrahaim, ’S chaidh Dives gu àros na doruinn. P. ’S e Purgadan an t-ionad meadhoin, Mu ’m bheil mi labhairt an comhnuidh, An t-àit anns an ’d eid na h-anama G’ an glanadh o shalachar na feola. A. O’ nach ’eil earrann de ’n Phiobul Ag innseadh mu leithid a dh’ áite, * I. Tim. v. 3. [TD 11] Is cruaidh oirnn gabhail ris mar fhìrinn, Ge d’ dh’ innseadh leis a Pháp’ e. P. Tha ’n t-abstol Peadar ag raite, ’Nuair a bhásaich Righ na siothchaidh, Gu’n deach’ e a shearmonach’ arìs, Do na spioradaibh ann am priosan. * A. ’Nuair a dh’ fhágas sluagh an saoghal, Tha na scriobhuichean naomh ag dearbhadh Nach dean aithreachas dad feum dhoibh, † ’S c’ uime dh’ eisdeadh iad ri searmoin? P. An cuir thus’ an aghaidh an Scrioptuir, ’S thu bhi ’g a fhaicinn le d’ shùilibh? Feuch an urrainn thu ga innseadh, Ach mar mhìnich mis’ an tùs e? A. ’Se ’n Spiorad mu ’m bheil e ag labhairt; ’S an sluagh bh’ ann ri laithibh Noah, Do ’n d’ rinn e’ searmoin an trá sin, Tha ’n trá so am priosan gun dochas. P. Tha thusa ’m barail nach coir dhuinn Bhi sireadh comhnadh nan Aingeal, No luaidh thoirt orra ’n ar ’n ùrnuigh, No air na Naoimh air an talamh. A. Ta ’m fáidh Isaias ag ráite Go bheil Abraham anfhiosrach oirnne; ‡ ’S bhi sireadh comhn’ air na h-Ainglibh, Cha ’n ’eil an Scrioptur ’g a orduch’. P. Dh’ iarr Jacob air an Aingeal, Thug oidhche mar ris anns an t-shlighe, Gu’m beannaicheadh e clann Joseiph, ’Nuair thainig iad ’n a choir na ’n dithis. || * I Pead, iii. 19, † Eoin, ix. 4. Eccles. ix. 10. ‡ Isai. lxiii. 16. || Genes. xxxii. 24.—20. xlviii. 16. [TD 12] A. An urrainn thu innseadh le firinn, Co bha strí ris anns an ám sin, Na thug co’dhail dha ’s an t-shlighe? Nach e ’n Tighearna bha cainnt ris? P. Tha thusa cho dall ann ad inntinn, ’S nach iarr thu sìth do n’a dh’ fhalbhas, G’an greasadh a h-ionad a’ ghlanaidh, Do chum an sonas a shealbhach’. A. An do leugh thu air Abstol no Fáidh, Na daoin’ is fearr tha air an ainmeach’, ’G an robh leithid sin de chleachdadh, Anns n’a chaidh seachad a dh’ aimsir? P. Tha na Maccabees ag ráite Gur coir do bhantraichean Criostuidh Bhi guidh’ air son anama ’m fir-thighe, Do chum as gu faigheadh iad siothchaidh. A. Cha bhuin ni air bith do’n Phiobul, Ach n’a scriobhadh leis na Faidhean; A’s bha iadsan an deigh dol seachad, Mu’n deachaidh na daoine sin arach’. Feuchaidh mi dhuit dearbhadh eile, A’s chi thu fein gu bheil e daicheil; ’S ann ’s a Ghreig a chaidh an scriobhadh, ’Si ’n Eabhradh a bh’ aig na Faidhean. P. Tha do luchd-leanmhuinns’ ag raite Nach ’eil am Pap’ ’n a dhuine seasmhach; Gu bheil e ciontach am failing, ’S e sin r’ a radh ann am peacadh. A. O’n cheud tuiteam a rinn Adhamh O staid nan grasan le seachran, [TD 13] Cha ’n urrainn thu aon duine fheuchainn, A bha gu leir as eugais peacaidh. P. Sacharias ’us Elis’bet, An dithis mu’n ghabh thu beachd, Ghluais iad neo-chiontach le chèile Ann uil’ ăithntibh Dhe ’s ’n a reachdaibh. * A. Chi thu gu tric anns a’ Phiobul, Air a scriobhadh leis na fâidhean, Nach urrainn aon duine feola Fuireach beo, ’s a bhi gun fhàiling. † P. Is neonach leam thu bhi co ghorach, Fuireach anns an dochas fhaoin sin; Saoilsin nach ’eil cumhachd agams’ Maitheanas a thoirt do dhaoine. A. Labhair na h-oighean glice Ris a’ chuigear bha ea-ceillidh, Nach tugadh iad oladh g’an comhnadh, Gun fhios an robh gu leoir dhoibh fein ann. ‡ P. Labhair ar Slanuigh’ear ris na h-Apstoil, Mu’n deachaidh e bharr an t-shaoghail, Gach peacadh mhaitheadh iad air talamh, Nach rachadh an agairt air daoine. A. Ma ’s ann air son oir no earrais, Tha thu cuir maitheanais ’n an tairgse, Ciod thig air na daoine falamh Nach urrainn a cheannach’ le h-airgiod? P. Ta thusa fad ann an dochas Nach coir urnuigh dheanamh ’n Laidin; No idir nach gabhar uainn i Mur tuigear leis an t-shluagh air fad i. * Luc. i. 6. † Gen. vi. 5. Salm. xiv. 3. liii 3. Rom. iii. 10. 19. ‡ Matt. xxv. 9. [TD 14] A. Thug an t-Apstol Pol dhuinn dearbhadh Nach ’eil tairbhe anns a’ chùis sin; Cia mar their an sluagh “Biodh amhladh,” Mur tuig iad aon dig de ’n ùrnuigh? P. ’S e m Papa tha ’n aite Pheadair, ’Na cheann na h-Eaglais air talamh; ’Us tha esan ag innseadh ’s ag orduch’ Gur coir i bhi ann an Laidin. A. Cha chuala mi cumhachd bhi aig Peadar, Seach a’ chuid eile de na h-Apstoil, Ach Iudas an traightear soilleir, Gu’n d’fhuair esan comas a’ chrochadh. P. An urrainn thu innseadh no fheuchainn, Nach e th’ ann an aite Pheadair; ’Us dh’ fhag e againn an dreuchd sin, A ghleidheadh tearuint a’ Chreidimh. A. Cha chuala mi guth air an dreuchd sin, Co fhada ’s a leugh sinne, Ach gur e chaidh ghairm an toiseach, A dh’ fhosgladh doruis do na cinnich. * P. Ta thusa an aghaidh bhi measgadh Uisg a’ Bhaiste le salann, Ge d’ tha ’n Scrioptur ag feuchainn Gu bheil e feumail gu glanadh. † A. Nam biodh a leithid sin de ghnath ’S an fhasaich ’n uair rinn e toiseach, Cha robh de Chaidsearan ’s an talamh N’a chumadh salann ri Iordan. ‡ P. Is toil leams’ bhi deanamh ceartais, Ag cumail gach achd mar is còir dhomh; * Gniomh. x. xi. † Marc. ix. 49. 50. ‡ Matt. iii. 5. 6. [TD 15] ’Us air a’ mheud ’s gu ’n labhair thusa, Cha chuir thu mis’ as mo dhochas. A. Tha thu a’d’ dhuine naimhdeil fuileach, Rud nach buin do’n Chreideamh Chriostuidh, Ge d’ tha ’n Tighearn ag feuchainn Gur ann da fein a bhuineas diogh’ltas. * P. Na daoine nach robh ’g am leanachd, ’S nach deanadh a bheag de m’ ordugh, A ’s iad fein a rinn am briseadh, Cha do thoill iad iochd no trocair. A. Is ioma naoidhean agus ciochran, Do nach d’ thainig ciall no eolas, Bhuaileadh tu ’n ceann ris a’ bhalladh, Mar gu ’m biodh ann madadh ’n otraich. P. ’S e thug dhomh bhi marbhadh chiochran, Do nach d’ thainig ciall no eolas; Nam faigheadh iad úine ni b’ fhaide, Chinneadh iad cosmhuil ri ’n seorsa. A. Rinn Nineveh moran coire Ann an aghaidh righ na gloire; Ge do bhrosnaich an seann sluagh e, Ghabh e truas da ’n leanabaibh oga. † P. Tha mise ann àit nan Apstol, Labhairt gu ceart ris an t-shaoghal; Ag mìneachadh dhoibh an fhocail, Anns gach achd mar tha air fhoillseach’. A. Thug an t-Apstol Pol mar shamhladh Air luchd teagaisg nach do thoill ris, Gu ’n rachadh Satan gu h-ullamh Ann an cruth Aingil na soillse. ‡ * Rom. xii. 19. † Jonah iv. 11. ‡ 2d Corint. xi. 12. [TD 16] SEAN FHOCAIL AGUS COMHADAN. ’NUAIR a chailleas neach a mhaoin, ’S gnothach faoin bhi ’g iarruidh meas; Ge do labhair e le céill, ’S beag a gheibh e dh’ eisdeas ris. ’S beag sgoinn de mhointich am monadh; ’S beag sgoinn de choille am fasaich; ’S lugha meas tha dhuine falamh, ’Nuair tha earras an deigh fhagail. ’S ioma caraid th’ aig fear saibhir; Tha daoine bochda gun phrís; ’S gann a dh’ aidicheas an cairdean Gu ’m buin iad doibh, ’us iad bhi ’n díth. ’S fearr a bhi bochd na bhi breugach; ’S fearr fheuchainn na bhi ’san dùil; ’S fearr am fear a chostas beagan, Na ’m fear a theicheas ann an cùil. Tha ’n fhìrinn gu cliuteach sona, Cha chron air duine bhi fial; ’S fearr beagan anns an onoir, Na ’n donas ’us ceithir chiad. Is ainmig a dh’ eireas fortan Le fear crosta bhios gun chéill: ’S fearr do dhuine fuireach samhach, Na droch dhan a chur an céill. Eiridh tonn air uisge balbh— Gheibhear cearb air duine glic— Eiridh gnothach le fear mall; Brisidh ’m fear tha call gu tric. [TD 17] Ta ghaineamh fein anns gach sruthan— Cha ’n ’eil tuil air nach tig tragha— ’S don’ an Cairdeas gun a chumail— ’S cha n-fhaighear duine gun fhailing. Is coltach fear tha ris an fhoill, ’S nach ’eil sgoinn aige de ’n choir, Ris an duine a thaisg an luaigh, Agus a thilg uaith an t-or. ’S dona thig maighdean gun bhi beusach— Cha dean fear gun ghéire dan— Cha dean fear gun fhoghlum leughadh; ’S cha tig Léigh gu duine slan. ’S maith bhi siothchail anns gach ball, Caillidh daoine dall an t-iúl: Is sona neach a bhios gun bheud; Ach caillidh luchd nam breug an cliú. Smuainich mu ’n dean thu labhairt, Ma ’s aill leat do ghnothach bhi réidh; ’S fearr dhuit sealltuinn beagan romhad Na sealltuinn fad air do dhéidh. Is trom snith air tigh gun tuthadh— ’S trom tubaist air na draigean— ’S duilich do mhnaoi beanas-tighe Dheanamh air na fraithibh fasa. Cha trom leis an loch an lach— Cha trom leis an each an t-srian— Cha trom leis a chaor a h-oluinn, ’S cha truimid a choluinn a ciall. Cha trom leis an fhiadh a chabar, Cha trom leis a choileach a chírean; Ni a mheasas aon neach mar lethtrom, Chi neach eil e mar thoilinntinn. [TD 18] Ta ’n neach tha gleidheadh seanchais dhiomhain, ’S a leigeas diadhaidheachd fui’ bhonn, Mar a bha n ’té a thog a chath, ’S a dh’ fhag an cruineachd air an tom. Caillear mart an droch mhuthach’, Seachd bliadhna roimh a mithich; Ta sud ag feuchainn ’s ag dearbhadh, Gu ’n tig an t-earchall le mi-fheairt. Cha n-fhuirich muir ri uallach; ’S cha dean bean luath maorach; Cha dean bean gun naire cugann: ’S cha dean bean gun fhuras aodach. “Far am bi bo bidh bean, ’S far am bi bean bidh buaireadh;” Far am bi fearg bidh bruidheann, ’Us as a’ bhruidhinn thig tuasaid. Am fear a bhrathas ’s e mharbhas; Cha deanar dearbhadh gun deuchainn; ’S gann a dh’ aithn’eas tu do charaid, Gus an tachair dhuit bhi d’ éigin. Cha n-’eil saoi gun choimeas; Cha n-’eil coille gun chrionach; ’S fearr beagan a mhathadh Na sean fhalachd a dhioladh. ’S math caraid ’s a chúirt, Ma thig neach gu trioblaid; Ach ’s fearr eun ’s an laimh Na dha air iteig. Leag d’ eallach air lar mu’n lag thu, Ma dh’ aithn’eas tu d’ eallach trom; [TD 19] Is mor gur fearr an cú a ruitheas, Na ’n cù a shuidheas air tom. Bean thlachdmhor gun ghniomh gun ghleidheadh, Ge do thaitinn i ri d’ shùil— Ciod am feum a ta an lann, Mur bi lamh air a cúl. Piaid chailaig air bheag céill, Ge d’ robh feudail aic ’s stór; Cha ’n fheud a fear a bhi sona Ma bhios i gnogach ’s an t-shroin. Bean gun naire gun ghliocas, Bean mhisgeach gun bheusaibh; B’ fhearr dhuit cú chuir mu d’ amhuich Na do cheangal ri tè dhiubh. Bean ardanach labhar, Bean ghabhannach chèilidheach; Is tús trioblaid ’us aimbeairt, Dol g’ ad cheangal ri té dhiubh. Am fear a gheallas ’s e dh’ iocas; ’S e ’m fear a dh’ iarras a phaigheas; Cha choir do neach a bhi ullamh Gu dol an cunthart no ’n gabha. Am fear nach dean ar ri latha fuar, Cha dean e buain ri latha teth; Am fear nach dean obair no gniomh, Cha n-fhaigh e biadh feadh nam preas. ’S fearr síth a preas na stri ri glais; Bi faiciollach mu d’ ghiulan. ’S furas seasamh ’n gnothach ceart, Ge d’ theid gach cúis gu ’n dubhlan. ’S tús a Ghliocais eagal Dè; Cha dean eucoir do chuir suas. [TD 20] Co dhiubh is maith no ’s olc a’ d’ chrè, ’S ann d’ a réir a gheibh thu duais. ’S fearr an Ceartas glan na ’n t-or; Is beag air duine coir an fhoill; An neach a charas thu o’ d’ chùl, Chuir e a dhūil an’ cuid an doill. Is ciatfhach gnothach follaiseach, Ach ’s dona comunn cealgach; An rud a gheibhear aig ceann an Deamhain, Caillear e aig earball. Is olc an toiseach cogaidh Gheilt; Cha n-ionann sgeul do ’n Chreich ’s an Toir; Is searbh gloir an fhir a theich, ’S am fear a dh’ fhuirich ni e bosd. Is fearr bhi tais na bhi ro bhrais, O ’n ’s e is lugha cùram; ’S fearr suidhe ’n tigh a’ bhroin, Na ’n tigh a’ cheoil ’s an t-shùgraidh. Cha toir neach air éigin beairtas; ’S duilich droch chleachd a chuir fas; Bheir gach Donuch leis an t-Sheachduin, ’S bheir am peacadh leis am Bas. Na bi ealamh air trodadh, ’S na bi toileach air tuasaid; Ach ma ’s toigh leat do leanabh, Na bi leasg air a bhualadh. Bi ’n comhnuidh air taobh na siothchaidh, ’S na bi di-chaisg air bheag aobhar ’S fearr dhuit amadan a bhreugadh, Na dol g’ a fheuchainn ann an caonaig. Na bi talach air do chuibhrinn Ge do robh i baileach somhail, [TD 21] ’S fearr greim tioram le siothchaidh, Na tigh lan iobairt le comhstri. Dol a stri ri rud gun chostas, Cha n-’eil ann ach gnothach faoin, Cha tig feur tre na clochaibh; ’S cha tig folt tre chlaigionn aosd’. Ta e cruaidh air duine lag, Dol ri bruthach cas ’n a steud; ’S tha e tearc am measg an t-shluaigh An neach sin a gheibh buaidh air fein. Na bi cuir na ciont’ air cach, Ma tha ’n fhailing agad fèin; Is duilich neach a rib’ an slaod, ’Us ceann an taoid aige fèin. Neach tha gu maith is coir dha fuireach, ’Us gun bhi strí ri rud nach iomchuidh; Is tric bha call an’ deigh an turuis; Ach ’s buidh le amadan imrich. Is fearr cú beo na leoghan marbh; ’S fearr min gharbh na bhi gun bhleth: An rud a chi thu thogas fearg, Na dean dearmad air a chleth. Thoir aire cia mar ghluaiseas tu; Cha toir thu buaidh le farmad, Is tric le gnothach mirunach, Gu-n criochnaich e neo-shealbhar. Bi eolach mu dhuine an tús, Mu’n innis thu do rùn g’ a cheann; Na cuir do chlar air a thaobh Do neach nach saoil thu chuir rud ann. Na gabh farmad ri neach idir, Ge d’ shaoil thu a staid bhi mor; [TD 22] A’ bheann a ’s airde tha ’s an tír, ’S ann oirre ’s trice chi thu ’n ceo. ’S maith an gille greasaidh ’n t-eagal; Ta rud air theagamh duilich innseadh; ’S fearr dhuit teicheadh le h-onoir Na dol thoirt oidhrip neochinnteach. ’Nuair a theid thu do ’n tigh lionna, Na h-iarr bhi ’g amailt na pairti; ’S mithich druideadh chóir an doruis, ’Nuair a theannas an sporan ri aicheadh. Is diomhain duit a bhi toirt teagaisg Do neach a chuir cùl ri eolas; Mar thionnda’s a’ chomhl’ air a bannaibh Pillidh an t-amadan r’ a ghoraich. Ge do robh thu dripail, ’S coir dhuit bhi air d’ fhaicill; ’S iad na tomha trice Ni na tomhaisean cearta. Tha ar n-úine ruith gun stad, Ceart co luath ’s a thig clach le gleann; Ni i stad ’nuair thig i ’n lag, ’Us bidh a h-astar aig a cheann. Ceart mar a thig gaillionn no sian, An uair nach miann leat i bhi ann Is amhladh sin a thig an t-eug, Ge do shaoil thu nach b’ e ’n t-am. Ceart mar a sgaoileas an ceo, ’Nuair a thig teas air o’n Ghréin; Is amhladh sin a shiubhlas gloir, ’Us ioma dochas air bheag feum. Cha b’ e comunn an da ghann, A bha shannt orm dheanamh riut; [TD 23] Ach an rud bhiodh agad ghabhail uait, ’S an rud a bhiodh uait a thoirt duit: Nach b’ e sud an comunn saor? ’S cha b’e communn nam maor mu ’n chlar; B’ e ’n comunn-sa a bhi toirt null; ’S cha chomunn ach null ’s a nall. Ma ’s fior gach sean fhocal, A labhradh le luchd géire; Bheir foid breithe agus bais Duine air atha ’s air éigin. DEOCH AN DORUIS. SLAN do d’ mhnaoi ghil; slan do mhacaibh; Slan do d’ theach o ’m binne ceol; Slan do d’ sraidaibh geala gaineamhaich; Slan do d’ bheanntaibh o’m bi ’n ceo. O ’n tharladh dhuinne bhi sona, ’S beairt dhona nach tig ruinn; Air ghaol síth, ’s air eagal conais, Thugar Deoch an Doruis dhuinn. CRIOCH. [TD 24] [Blank] [TD 25] LAOIDH MHOLAIDH DO CHRUITH’FHEAR AN T-SAOGHAIL, LE DAIBHIDH MACAILEIR. MOLADH-MID Tighearna na gloir, An ti ’s mo na gach neach, Cruthi’fhear an t-saoghail gu leir, D’ an cubhaidh dhuinn geill air fad. ’S tu rinn an domhan ’s na bheil ann, Na cuantaibh domhain is am fonn, Is chuir thu iasg gu altram ann, Is thug thu ciall ga ghlacadh dhuinn. Rinneadh leat gealach agus grian, Thogbhail fiadhnais air do ghloir, Cha’n aithris mi am mile trian, Do ghniomharra an Dia is mò. ’S tu rinn na h-aingeil air fad, An t-aibheirsear fuidh d’ smachd gu mor, Air slabhruidh laidir aig a Mhac, Cumail a neart o theachd oirn. [TD 26] Is tu rinn na reulta air fad, A riaghladh gu ceart nan trath; Gheall thu maraon fuachd agus teas; Faogh’ar m’an seach agus Mart. Rinneadh leat an Duine ris, A reir t-iomhaidh chum do ghloir; Chaill e ’n Oighreachd ud gun luach, ’S cha’n fhuasglar i le h-or. ’S tu chuir an radharc sa cheann, Folt roimh an chlaigeann lom; Thug thu cluas gu eisteachd dha, Is gluasachd a chuirp o’n bhonn. Chuir thu Adhamh an codal trom, ’S chaidh Leigh nan gras o’s a cheann, Agus do aisne a thaoibh do rinn, Bean o’n do ghein gach clann. A stigh an Garadh ciuin nan seud, Far ’n raibh aoibhneas do ghraidh, ’Nuair a dh’ith a’ Bhean a’ meas, Dh’ fhuiling i ’s a sliochd am bas. Cha rabh a teasairgin aig neach, O’n chumhnant a rinn i bhris, ’N trath ruisgeadh an sgeudacha ceart, Bha chuis na h-eagal an sin. Ach moladh do Ard Righ nam feairt, Leis nach b’aill teachd d’ar sgrios, ’Nuair chunnairc e Adhamh na airc, Nochd e cumhnant nan gras ris. Thainic Criost anuas le thoil, Thug è suas mar iobairt fhuil, Mac na firinn uan gun lochd, Mar chiontach a fhuair a’ ghuin. [TD 27] Chrochadh é air a’ chrann ann aird, ’S an t-sleagh sait’ ann a’ chorp, Crun geur na pein a bha m’a cheann, Fhuair mac De le naimh a lot. ’S na tairng’ gu teann ’g an cuir an sas, A’m bosamh a lamh le h-ord; Is fuil a chridhe a ruidh o thaobh, Ceannach bu daoire nan t-or. ’Nuair chaidh Criost gu pein a bhais, A dh’fhulang air son an t-sluaigh, Sgoilt brat an teampuil sios gu lar, Dhuisg na mairbh ’n aird o’n uaigh. Chriothnuigh an talamh trom le crioth, Air a Ghrein thainig smal, Le feirg Dhe, a chrath e’n sin; Dh’ fhuiling Criost am bas re seal. Dh’ adhlaic iad an t-uan fuidh lic, Thug e buaidh, san uaigh cha d’ fhan, As a’ bhas thug e gheur-ghuin, Dh’ eirigh an treas la gun smal. Na shuidhe aig deas-laimh Athar ’ta, Criost le gras o’s ar cionn, A’ cur oifig sagairt ann gniomh, Dheasachadh rioghachd dhuinn. Ach thig an t-am an d’ thig mac De, Creidibh gur fior an sgeul, Le miltibh mil’ do ainglibh treun, Thoirt oirn’ breith a’ reir ar gniomh. Seidear an trompaid ’n sin gu hard, Leis na h-ainglibh ’s aille snuadh, Eirigh na mairbh an aird o’n uir Is gabhar cunntas o’n chuan. [TD 28] Liubhraidh ’n uaigh na fhuair i fein, Cha bhi neach do’n treud air chall, Nochdfar iad uil’ am fiadhnais De, ’S e mhac fein is Breitheadh ann. Bithidh iadsan soilleir ann sin, Mar sholus dealrach nan dreach, Thig Criost fein nan coinne le gean, ’S biodh sioth an comunn nam flath. Ni thu ’n sin tearbadh air gach neach, ’S tearmunn do ’n is ionmhuinn leat, ’Mhead sa’ta air an dearbhadh dhuit, Cuirfear fui’ dhionadh do bhrat. Cuirfear na Gabhair air an laimh chli, Ag triall gu priosun a’ bhroin, Drudfear fos, ge cruaidh an sgeul, Flaitheamhnas De air an sroin. Mallachaidh ’n inghean a’ Mhathair, ’S mallachaidh Mhathair a’ chlann, Mallachaidh ’n t-Athair a’ Mac, Nach do ghabh mu smachd san am. Is iomadh sgairteachd is gul geur, Re chluinntin doibh sgeul a chraidh, Mallachadh cheile gu leir, Sgarachduin re uan a ghraidh. An teach d’am milleadh cuirfear iad, Fuigh dhioghaltas an Aird Righ, Gun duil re furtachd, no re bas, Gu brath cha d’ thig iad a nios. Fasaidh an cuirp co chruaidh re prais, Mar iarann an lamh’ ’s an cas’ Gan cumail beo an sir phian, Teine dian gun fhurtachd as. [TD 29] Aon la dhoibh mar bhliadhnaibh buan, ’N lagan loisgeach cruaidh an sas, Gan liodairt le teas agus fuachd, Sud an duais ge fhad an dail. M’ath-chuinge riuts’, air sgath do mhic, Meaduigh mo ghliocas le gras, Thoir fuasgladh saor dhomh ann ’s gach cuis, Seal m’an druid mo shuil le bas. CRIOCH. [TD 30] LAOIDH Ann sam bheil neach araid a’ toirt Earrail dhusgaidh agus comhairle do’n Anam. AIR FONN—“Coire ’n Easa.” M’ANAM, iomuich thusa samhach, Fuidh gach amhghar agus leathtrom, ’Se do thruailleachd a thaobh nadair, Aobhar t-anrath mar mo bheachdsa. Greas is amhairc cia mar tha thu, Seall le naire re do chleachdadh, ’S faic an sac tha air do ghuailleabh, Le do ghluasachd bhi gun fhaicill. O’n a rugadh ann do thraill thu, Thaobh do phairtidh sa cheud seachran, Iomruich foidhidneach gach doruinn, ’S biodh do bhron arson do pheacidh. Tha do thoil an deis a truailleadh, Rag re gluasad chum do leasa; Dh’ easbhuidh Cumhachd a bheir buaidh orr, Gheibh thu ’m bās is duais do’n pheacadh. Seall anoise ciod a ni thu, ’S teich le dithchioll dh’ionnsuidh taice, Fag do chudthrom air do * rathan. Tha e ghna cho maith re fhocall. Thig le Irioslachd is Dochas Dh’ iarruidh Comhnadh o’n Aon bheartach, * T-urras, [TD 31] Creid an tus go bheil e maoineach, ’S iar do dhaonnachd reir a phailtis. Thig le d‘ Dhoille, Ciont’, is Daoirse, Fag na Aonar airsan ’n Leathtrom, Dh’ iarruidh Teagasg, Riaghladh, ’s Saoradh; Tha e * aonta re ’n toirt seachad. Seall le muinighin an airde, Chum na m beann da’ m bheil do thaitneadh, ’Nuair is trioblaidich a chual duit, Amhairc suas re Triath na ’m feairtan; Cairich d’ eallach air a ghuailleabh; Oir ’s ann uaithe thig do neartsa, ’S ge nach beachduich thus’ a ghluasachd, Creid gu luath gu’ m bheil e faisg ort. ’S feith gu foighidneach re thiomsan. ’S imich direach reir a reachda; Ruith do reis le fair’ is dithchioll, ’S ann le stri’ a ni thu streapadh. ’Nuair bhios fiaradh ann do chrannachar, Creid gu ’n tiunndaidh é gu d’ thaitneadh, Bheir seillein maith o luithean searbha, Mil bhios tarbhach, brioghmhor, blasda. Ge’d ’bhiodh Freasdal dhuit ar uaireabh, Tuill’ is cruaidh a reir do bheachdsa, Tuig gur Gliocas thug ma ’n cuairt è; ’S gheibh thu buannachd as a phailteas. Biosa furachair mu Aitheantaibh, O staid naduir teich na thaice; ’S glac a Ghealladh lan do shioth-chaimh, Ann an Criosd, a dhiol a Cheartas. * Deonach. [TD 32] Air do thuras do Chanaan, Ge d’ raibh ’n Fhasach lan do chrosadh ’S iomadh bruthadh air do shailtibh, Leansa ghna’ re Lorg a Ghaisgich. Thug è buaidh oiscionn do Namhad ’S bheir e Gras an am na h-airce Ruith d’a ionnsuidh le fein-Aicheamh ’S dearbh’ nach failnich do Chultaice. CRIOCH. [TD 33] AN CRIOSDAIDH AIG BRUAICH IORDAIN, LE IAIN M‘DHONUILL, MINISTEIR AN SGIRE URACHADUINN. Air Fonn—’Se Fulangas mo Shlanuighear. IS dluth air amhain Iordain mi, ’S tha ’n fheoil a’ gabhail sgath; Bu mhaith anis an dochas ud Nach cuir gu bron no nair— An dochas fhuair na h-athraichean, Air carruig bhuan nan al, Tre ’n d’fhuair gu tearuint’ dhachaidh iad, A steach do thir Chanain. Tha ’n fheoil a’ crith, ’s cha ’n ioghna e, Dol sios gu Iordan bais; Tha sgail na ’h-oidhch’ ag iathadh orm; ’S tha cianalas a’ fas; Oir se tha romham siorruidheachd, Nach tomhais grian no la; An cuan ata neo-chriochannach, Gun iochdar ann no traigh. Ach tha mo shuil ri Slanuighear, Bha grasmhor fad mo chuairt, ’Sa threoirich troimh an fhasaich mi, Nach fag e mi san uair; Ach fos gu ’n dean e teasairgin Dhomh fein, san t-seasamh chruaidh, ’S gu sgoilt e dhomh na h-uisgeachan, Gu rig mi null le buaidh. [TD 34] ’Sann annsan tha mo mhuinighin, A chuir an cath bha cruaidh, Ri naimhdibh laidir fuileachdach, ’S a thug amach a bhuaidh: Thugadh buaidh air Satan leis, Air peacadh, bas, is uaigh; ’S do thaobh an t-sluaigh a ghradhaich e, Am bas do shluig se suas. Do cheartas thug se riarachadh, Is dioladh mar bu choir; ’S an lagh ro-naomh cho líonadh leis, Bha orms’ gu dian an toir; Is choisneadh saorsa shiorruidh leis, Air Buaidhibh Dhia chuir gloir, ’N tra ghlaodh se, “Tha e criochnuichte”— Se sud mo dhion ’s mo threoir. Na rinn ’s na dh’fhuiling ’n Slanuighear Mar sud an’ ait a shluaigh, ’Se ’mhain is bunait thearnuidh dhomh, ’S cha n’e gach gras a fhuair—— ’Se sud is dion ’s is tearmun domh, Dol ’n coinneadh bais is uaigh, ’Se sud bheir dhachaidh sabhailt mi, Do’n ait a’m faic mi ’n t-Uan. Ach O! ’m faigh neach cho-ghraineil rium ’S do nadur cho-mi-naomh, A choidhch’ a steach ’na lathair-san, Tha aillidh glan gun ghaoid. Ach glanaidh fuil an t-Slanuighear Mo ghrainealachd gu saor; Is gheibh mi’n sin do’n aros ud, ’Sa’m bheil muir-lan a Ghaoil. [TD 35] Is mealladh mor, ’s is gabhadh e, Th’ air aireamh ’measg an t-sluaigh, Le aideachadh gun ghrasaibh ac, Dol ’n coinneadh bais na’n suain; Gun eagal orr’ roimh shiorruidheachd A dh’ iathas ump’ gu luath—— Bidh gul is giosgan fhiacal ac, A choidhch mar dhioladh duais. Ach bheirinn comhairl amail orr, Mu’n d’theid mo cheann ’san uir, Gu’m pilleadh is gu’n teanndadh iad, Gu teann gu Righ nan dul; Is ghuidhinn air a phairt ud dhiu, Bha fad mo la dhomh dluth, Gun duneadh iad re Slanuighear, Gun dail a chuir sa chuis. Oir theirinn, ’s thogainn fianuis air, Thaobh Iosa, fear mo ghraidh, Gur Ceannard caomh is fialaidh e, ’S gu’n d’ fhuair mi riabh e tlath: Gu bheil e truacant trocaireach, Is pailt gu leoir ’na ghras; ’Sa mheud ’s a chuireas dochas ann, Gu’m bi iad beo gu brath. Tha comain chuir an Tighearn orm, Is dh’ iarrinn chuir an’ ceill, G’an d’ fholaich e gu miorbhuileach, Mo lochda diamhair fein: G’an d’ cheaduich e, ’na fhabhar dhomh, Air ghras bhi deanamh sgeul— Mo lochda chuir na lathair san, ’S do chach bhi ’g aidmheil fein. [TD 36] Thaobh fhreasdail anns an t-saoghal dhomh, Bu chaomh e, ’s cha bu shearbh; Oir fhuair mi biadh is aodach ann Mar d’ fhuair mi maoin is ainm; Ach chum e suas air dochas mi, ’S cha b’ann air storas seilbh, ’S na’m b’e a thoil, na throcair e, Nis dheonuichinn bhi falbh. Tha sluagh mo ghaoil ’s mo bhraithreachais, —Na braithrean caomh is treun— A shiubhail troimh an fhasaich leam, Air m’ fhagail nis gu leir. Is dh’ fhag sud aon’rach cianail mi, Mar eun air sliabh leis fein, ’S o dh’fhalbh an comunn diadhaidh-san, Tha m’aigne triall na’n deigh. Ach feitheams’ am an Tigheairna—— Se ams’, gu fior, a’s fearr;— ’S d’ a thoil ro-naomhsan striochdar leam, Thaobh riaghlaidh beath is bais: ’S tra thig an t-am a dh’orduich e, An ruintibh ghloir ’s a ghrais, Feuch, sud an null air Iordan mi— ’Sa Ghloir dha fein gu brath! Sud thairis air gach buaireadh mi, Gach cunnart cuain is gaoith, Gach laigs’ is ciont is truaillidheachd, Gach pian is gruam is caoidh; Is sud a steach do’n luchart mi, ’Sa’m faic mi gnuis an Righ; ’S na chomunn iomlan urail-san, Gu seinn mi chliu a choidhch! MENZIES, Printer, Edinburgh.