[DA 1] EARAIL DHURACHDACH DO PHEACAICH NEO-IOMPAICHTE: Eidir-theangaicht’ o Bheurla IOSEIPH ALLEINE, Le I. S. Ministeir ann CILLE-BHREANUINN. Gniomh. iii. 19. —— deanaihh aithreachas, agus bithibh air ur n iompacha, chum as gu biodh ur peacaidh air an dubhadh amach, &c. DUNEIDIN: Clo-bhuailte le MACFARQUHAR agus ELLIOT. MDCCLXXXI. [DA 2] [Blank] [DA 3] DO’N LEUGHADAIR. A LEUGHADAIR, IS e ’n run sonraichte bh’ aig Ughdar an leabhair so t anam a stiura’ gu sonas siorruith. Na h uile ni dh’ fheudadh esan a dheana’ chum na criche so, rinn e. Dean thusa nis do chuid fein do’n obair, le curam, le fein-cheasnacha, ’s le h urnaigh, a chum as gu biodh a shaothair air a beannacha’ do t anam. Is ann air ghaol leas t anama chur air aghai mar an ceadn’ a thug aon urramach agus chrabhach fainear an leabhar a chur sa chanain so: agus bha ’n run ceudna aig an neach a thagh a chuid so dheth*, is aig an neach a thionndaidh e.—Nuair tha muinntir eile mata ag gabhail uirread shuim do t anam priseil agus neo-bhasmhor, an e nach gabh thu fein suim dheth cuideachd? Tha dochas agam gu gabh: agus, an’ lathair agus an’ ainm an DIA bheo, tha mi guidhe ort gu durachdach, air ghradh t anama fein, gu leugh thu ’n leabhar so le curam, a ris agus a ris, thairis agus thairis. Ma leigeas e fhaicinn duit gu bheil thu ’n cunthart, tha mi guidhe gu gabh thu gu grad rabha, ’s gu teich thu o’n fheirg ata ri teachd; is ma leigeas e fhaicinn duit gu bheil thu chean’ air t fhior-iompacha, ga toir thu do DHIA a ghloir, is gu gluais thu mar is cubhai do oighre na beatha mairtheannaich.—Agus tha mi guidhe air DIA nan uile ghras gu lean e’n obair so le cumhachd a Spioraid, is nuair a bhios tusa ga leugha’ no ga h eisdeachd, gu toir e fein duit a bheannacha. AMEN! Leugh gu curamach ad Bhiobul gach aon scrioptur gus am bi thu air do sheola fad an leabhair. * The Translation is from the abridgement by Mr Thornton, intitled, Alleine’s Admonition. [DA 4] AN CLAR-INNSIDH Taobh-duilleig. CUIRE teann do pheacaich gu pille’ ri DIA chum bhi air an sabhala; 1 CAIB. I. A’ feuchainn Ciod anns nach ’eil Iompacha aig co-sheasamh; is a ceartacha cuid mhearachdan m’a thiomchiol; 6 CAIB. II.——Ciod ann sa bheil iompacha ag co-sheasamh; 17 CAIB. III.——Gur eigin iompacha no basacha; 64 CAIB. IV.——Comharan na muinntir neo-iompaichte; 104 CAIB. V.——Truaighe na muinntir neo-iompaichte; 133 CAIB. VI.——Seolai’ gu iompacha; 169 Caib. VII.——Argumeinte gu iompacha; 201 ——Co-dhunadh an iomlain; 219 Earail araid do cheannarta theaghlaichean; 237 N. B. In the following sheets, the quiescent dh at the end of words, is generally omitted, when the next word begins with a consonant.—This abbreviation (which never affects the root or etymology of the word,) is often marked with an apostrophe, especially near the beginning, that such as have been in the use of seeing those letters, might be at no loss till they are become familiar to the want of them. The rule of caol ri caol has likewise been laid aside in compound words, which can but seldom admit of it. A few other alterations (which it would perhaps be too much to make at once,) would simplify the Galic orthography, and bring it to a near correspondence with the pronunciation. [TD 1] EARAIL DHURACHDACH DO PHEACAICH, &c. Cuire teann do Pheacaich gu pille’ ri DIA, chum bhi air an sàbhaladh. A MHUINNTIR ionmhuin agus ghràdhach, is e mo rùn, mar stiubhard leis am bu mhaith a bhi dileas, a chuibhrionn fein a thoirt do gach aon. Ach mar a bhios iomguin shonraicht’ air an Lèigh mu thiomchioll na muinntir is tinne ’s is cunthartaiche staid; is mar a mhaothaicheas cridhe athar gu h araid oiscionn an leinibh tha dlù do ’n bhàs; is amhluidh tha ’n t àireamh do anama neo-incompaichte ’nar measg-sa ’g iarruidh grad oidheirp a thoirt air an spionadh as an teine, Iude 23. Air an aobhar sin is ann orra so a bheir mi cheud aire. Ach ciod an argumeint a ghnàthaicheas mi? ciod na briathran a roighnicheas mi? [TD 2] A Thighearna, cia leis a chuireas mi iompaidh orra; cia leis a ni mi ’m buidhinn? O nach raibh fios agam! sgriobhainn le deoir; sparrainn gach earail le gul; ghuidhinn orra air mo ghluinibh, is bheirinn dhoibh le dùrachd gach braon dom’ fhuil. O cia taingeil a bhithinn nan gabhadh iad os laimh, ann deigh sin uile, aithreachas a dheanadh agus pilleadh! “Ach, a Thighearna, cia neo-chomasach mis’ arson na h oibre so! Cia leis a dhrùigheas mi air a chridhe tha mar chloich! an eirigh na mairbh as an uaigh air m’ iartas? An labhair mi ris na creagan, no ’n glaodh mi ris na sleibhtibh, an dochas gun èisd iad ri m’ earailibh? An toir mis’ a fhradharc do’n dall? c’uin a rinneadh so riabh le duine? Ach dhuit-sa, O Thighearna, cha’n ’eil aon ni ea-comasach: is urra thu seadh cridh’ a pheacaich a bhioradh. Cha’n urra mis’ ach am bogh’ a tharruing air thuairmeas; stiur thus’ an t saighead eidir altaibh an airm-èididh: marbh am peaca, ach sabhail anam a pheacaich, a thionndas a shùil no chluas gus na nithe so a lèugha no eisdeachd.” [TD 3] Mo bhraithre, ceadaichibh dhomh labhairt ribh mar charaid, gu dileas soar, anns an aon ni is cuidrimiche bhuineas duibh; oir ’s e gnothach mor an leabhair so gèur-mhothacha thoirt duibh air ur staid; ur n iompachadh, agus ur sabhaladh. Cha’n ’eil mi dol a labhairt ribh ann am briathra deas-chainnteach no seolta; cha’n e ur cluas a thoileacha tha idir air m’ aire, ach ur ’n anama shabhala: ’s ann air ur cridhe, ’s cha’n ann air ur cliu tha mi suirgheadh. Mur faigh mi ur cridhe, ciod sam bith eil’ a gheibh mi, tha mi falamh. Mur biodh a mhiann orm a chur cluas a thoileacha, sheinninn oran eile dhuibh, agus sgeul bu bhinne; chuirinn adhart socair f’ur ceann, is labhrainn sith ribh; oir cionnus is urra Ahab speis a bhi aige do Mhicaiah, bhios “do ghnà a’ faisneachd uilc mu thiomchiol?” 1 Righ. xxii. 8. Ach nach “fearr lotan caraid na sodal baoibh? a bhios ri miodal le bilibh, nuair tha i sealg arson an anama;” Seanr. vii. 21, 22, 23. agus vi. 26. Nam bithinn a’ dol a bhreuga naoidhein, dh’f’heudainn a luasga na chadal le oran fonn’ar; ach nuair a thuiteas an leanabh san teine, cha’n fhaoineis mar so idir a bhios [TD 4] air aire a pharanta. Tha aobhar agamsa bhi dùrachdach gun amharus, a chionn gu bheil fios agam “mur eirigh sibhsa ’s mur tig sibh leam,” gu bheil sibh caillte gu siorruith. As eugais iompachaidh cha’n ’eil slàinte sam bith ri fhaotainn. Is eigin domh buadhachadh oirbh no ur fàgail am builsgean truaighe. Ach ann so tha spairn m’ oibre teachd orm a rìs. “A Thighearna, tagh thusa clachan dhomh as a chladach, 1 Sam. xvii. 40, 45. Tha mi teachd ann ainm Tighearna nan sluagh, DIA armailtean Israel.” Tha mi teachd amach mar an t oganach Daibhidh, a ghleachd “cha’n ann ri fuil agus feoil, a chriuachdranachdaibh, ri cumhachdaibh, agus ri prionnsui’ dorchadais an t saoghail so,” Eph. vi. 12. Air an là ’n diugh buaileadh an Tighearn’ am Philisteanach, as thugadh e airm o’n duine làidir” a chum ’s gu faighinn-sa na priosanaich air falbh as a làmhan. “A Thighearna, tagh mo bhriathra, tagh m’ arma; ’s nuair a chuireas mi mo làmh ’s a mhàla, thoirt as cloiche g’a tilge’, dean thus ’a giulan chum a chomharaidh, ’s a sparra, cha’n ann an’ clàr-eudainn, 1 Sam. xvii. 49. ach an’ cridh’ [TD 5] a pheacaich neo-iompaichte, g’a bhuala chum an làir, cosail ri Saul na leaga sona, Gniomh. ix. 4. Chuir thu mis’ amach, mar a chuir Abraham a sheirbhiseach, Gen. xxiv. 4. a shuir’eadh air anama dh’ ionnsuidh do Mhic, mo mhaighstir. O Thighearna, DHIA mo mhaighstir, guidheam ort, soirbhich leam air an là so, ’s cuir t aingeal air thoiseach orm a reiteacha mo shlighe, Gen. xxiv. 12. chum is mar a naisg seirbhiseach Abraham Isaac agus Rebecca mu’n do ghabh e fois, gu ceanglainsa cuideachd CRIOSD agus anama mo phobuil mu’n dealuich sinn r’a chèile.” Ach tha mi a’ pilleadh air m’ ais ribhsa. Tha cuid agaibh aig nach ’eil fios ciod is ciall do Iompacha no atharracha; ’s is diomhain toiseacha ri’r comhairleacha gu ni nach ’eil fios agaibh ciod e: air an aobhar sin feuchaidh mi dhuibhsa Ciod e Iompacha no atharracha. Tha cuid eile ’g altrum dùil ri trocair ge do bhuanaich iad san staid am bheil iad; agus dhoibhsan feuchaidh mi Gur eigin iompacha. Tha cuid eil’ ann am barail fhaoin gu bheil iad air an iompacha’ cheana; dhoibh-san feumaidh mi comharan na muinntir neo-iompaicht’ a leigeil fhhaicinn. [TD 6] Tha cuid eil’ air nach ’eil eagal uilc, o nach ’eil iad ga mhothacha, ’s air an aobhar sin tha cadal am barr a chrainn; dhoibh sin feuchaidh mi truaighe na muinntir neo-iompaichte. Tha cuid eil’ a’ suidhe sios o nach lèir dhoibh an slighe mach; do’n mhuinntir so seolaidh mi Meadhona an Iompachaidh. Agus fa dheire, chum gach aon neach a bhrosdacha, co-dhuini’ mi le Argumeinte gu Iompacha. CAIB. I. A’ feuchainn ciod anns nach ’eil Iompacha ag co-sheasamh; ’s a ceartacha cuid mhearachdan m’a thiomchiol. THUGA pobul dall Shamaria aora do’n ni nach aithne dhoibh, Eoin iv. 22. is toga muinntir na h Aithne altair “Do’n DIA neo-aithnichte,” Gniomh. xvii. 23. tha fios aig gach aon, d’an eol natur an duine, gu feum an inntin an toiseach solus fhaotainn m’am feud an t anam a bhi air iompacha. ’Nis, a chum is gu leighisinn mearachdan cuid do dhaoine tha saoilsinn gu bheil iad air an iompacha nuair nach ’eil; ’s gu fograinn eagal agus iomguin cuid eile, [TD 7] tha saoilsinn nach ’eil iad air an iompacha nuair a tha; feuchaidh mi dhuibh natur an iompachaidh, le leigeil fhaicinn duibh ciod na nithe ’s nach ’eil, agus ciodn a nithe sam bheil e ag co-sheasamh. Ann toiseach, feuchaidh sinn ciod na nithe ’s nach ’eil e. 1. “Cha’n e aidmheil a chreideimh Chriosduidh a ghabhail oirn fein ann sam bheil iompacha ag co-sheasamh.” Tha tuille na ainm anns a chreideamh Chriosduidh. Ma tha ’n t abstol Pol ceart, cha’n ann an’ cainnt a tha sin a’ co-sheasamh ach an’ cumhachd, 1 Cor. iv. 20. Nam b’ ann sa chreideamh Iudhach agus Phaganach a threigsinn, is anns a chreideamh Chriosduidh aideacha, bhiodh iompachadh a’ co-sheasamh, co na Criosdui’ean a b’ fhearr na muinntir Shardeis agus Laodicea? aca-so uile bha deagh ainm agus deagh aidmheil, ach a chionn nach raibh ac’ ach ainm, tha iad air an dite’ le CRIOSD agus air an sgeith amach, Taisb. iii. 1. 16. Nach lionar iad a tha ’g ainmeachadh ainm an Tighearn’ IOSA, gidheadh nach ’eil a’ treigsinn aingidheachd? 2 Tim. ii. 19. agus “a’ gabhail os laimh eolas a bhi ac’ air DIA, ach ’n an oibre [TD 8] tha ga àicheadh?” Tit. i. 16. Is an gabh DIA riu so mar fhior aithrich, arson an aidmheil amhain, ge do bhuanaich iad nam peaca? Cha’n ’eil so comasach. Nan deana lochran na h aidmheil an gnothach cha raibh na h oighean amaideach air an druideadh amach, Mat. xxv. 12. Seadh tha sinn a faicinn cha’n e mhàin luchd aidmheil, ach luchd searmonachai’ Chriosd, is luchd deanai’ mhiorbhuillean air am fogradh air falbh, a chionn gu raibh iad cuideachd nan luchd deanai’ na h ea-corach, Mat vii. 22, 23. 2. “Cha’n e ionnlad an uisge, no suaicheantas CHRIOSD a ghabhail oirn fein am baiste’ is ciall do iompacha.” Tha moran a’ giulan suaicheantais CHRIOSD, nach ’eil a’ seasamh aig a bhrataich, no ga leantuinn mar an ceannard. Chaidh Ananias agus Sapphira ’s Magus a bhaiste’, co maith ris a chuid eile. Mo chairde dileas, “Na bithibh air ur mealla, cha ghabh DIA ri fanoid,” Gal. vi. 7. Co dhiu ’s ann as ur baiste no ni air bith eile tha ur n earbsa, tha mise ’g innse dhuibh o’n DIA bheo, mata aon air bith agaibh dearmadach air urnaigh, no neo- [TD 9] ghlan, no mio-runach, no sanntach, no anacaiteach, no fanoideach, no spèiseil mu dhroch cuideachd, Seanr. xiii. 20. ann aon fhacal, mur ’eil sibh nur Criosdui’ean naomh, faicilleach, agus fein-àicheil, Eabh. xii. 14. Mat. xvi. 24. cha’n urra sibh bhi air ur sabhala; ni’s lugha na bhios sibh as so suas air ur n atharracha ’s air ur n ath-nuadhacha le h aithreachas. 3. “Cha’n e giulan neo choireach am fianuis dhaoine tha air a chiallacha le h iompacha.” Cha’n ’eil so a’ toirt barr air fireantachd nan Scriobhach agus nam Pharaiseach, agus air an aobhar sin cha’n urr’ e ar toirt gu rioghachd Nèimh, Mat. v. 20. Bha Pol, mu’n d’ iompaicheadh e, “neo-choireach a reir na fireantachd a tha san lagh,” Phil. iii. 6. Cha b’ urra duine beum a thoirt da. B’ urra ’m fear a dh’ fhireanaich e fein a rà gu raibh e saor o fhoireigin, ea-coir, agus adhaltrus, &c. Luc. xviii. 11. Tha ni eigin a thuille so agad-sa ri mhaoidh, air neo, cionnus air bith mar tha thu ’g ad fhireanacha fein, ni DIA do dhite. Cha’n ’eil mi idir a’ deana tàir air giulan neo-choireach, ach tha mi toirt rabhai’ dhuibh gun stad aige. Tha ar dleasnas do [TD 10] DHIA co fhiachuicht’ oirn r’ar dleasnas do dhuine. Cha’n fheud sinn da chlàr an lagh’ a sgaradh o cheile. 4. “Cha mhò ’s e iompachadh a bhi a’ coiliona gach dleasnais dhiadhaidh o’n taobh amach.” Tha e ro-shoilleir gu feud coslas na diadhachd a bhi aig moran as eugais a cumhachd, 2 Tim. iii. 5. Feudaidh iad urnaigh fhada dheana, Mat. xxiii. 14. trasg gu bitheanta, Luc. xviii. 12. èisdeachd gu taitneach, Marc. vi. 20. dragh is cosdus a chur orra fein ann seirbheis DHIA, Isai. i. 11 ’s na dhèigh sin uile bhi nan coigrich do Iompacha. Feudaidh duine na dleasnais fhollais so uil’ a choiliona, seadh “a mhaoin air fad a thoirt do na bochdaibh, ’s a chorp gu bhi air a losga,” 1 Cor. xiii. 3. ’s na dhèigh sin uile bhi na chealgair. 5. “Cha’n e iompacha, cuideachd, an ceangal sin a tha oilein, cleachda no lagh dhaoine, no anocair, a’ cumail air truailleachd is coirbdeachd ar natuir.” Tha sinn tuille ’s ulla’ gu oilein a ghabhail ann riochd gràis: ach nam foghna sin co’n duine b’ fhearr na Iehoash? Am feadh a bha Iehoiada an sagart os a cheann, bha e co togarach gu seirbheis DIA ’s gu raibh e brosducha nan [TD 11] sagart fein a leasachadh an Teampuil, 2 Righ. xii. 2, 7. Ach cha raibh an so ach deagh oilein, oir co luath ’s a dhealuich am fear-stiuraidh a bh’ aige ris, leig e fhaicinn nach raibh e ach mar mhada-alluidh air slabhruidh, as thuit e air falbh gu iodhal-aoradh. 6. Ann ath-ghairrid; “Cha’n ann an soillseacha, no’n geùr-mhothacha, cha’n ann an cuid atharrachai’ no’m pairt leasachaidh, ata Iompacha ag cosheasamh.” Feudaidh duine bhi air a shoillseacha, ’s na dheigh sin uile tuiteam o’n chreideamh, Eabh. vi. 4. Bha Felics air chrith fui’ gheùr-mhothacha, Gniomh xxiv. 25. ’s leasaich Herod e fein ann am moran nithe, Marc. vi. 20. Feudaidh am peaca bhi air a dhùsga le h uabhas agus geùr-mhothacha, ’s gun bhi idir air a chlaoi’ no air a chèusa le cumhachd gràis. Tha moran aig am bheil barail mhaith air an staid, a chionn gu d’ fhuair an coguis dusgadh arson am peacaidh; a’ gabhail geur-mhothachaidh ann riochd iompachaidh. Am beachd na muinntir so bha Cain iompaichte, nuair a bha coguis chionntach ga sgiursa feadh an t saoghail, gus an do thilg e èfein am builsgean ghnothaiche ’s ann dàmhair oibre, Gen. iv. 13. 14. Tha cuid eile nam [TD 12] barail fein iompaichte, chionn gu do thrèig iad an gnàthacha mi-riaghailteach ’s an droch cuideachd, gu do cheannsaich iad cuid d’an an-mianna, ’s gu d’ fhas iad riaghailteach agus measarra.” Ach feudaidh gu leor a bhi ’s an staid so nach ’eil fathasd air an naomhacha. “Iarruidh moran dol asteach do rioghachd neimh,” Luc. xiii. 24. is tha cuid nach ’eil fada uaipe, Mar. xii. 34. ’s a tha “ach beag nan Criosdui’ean,” Gniomh. xxvi. 28. gidheadh a bhios ann dèigh laimhe air a cheann mu dheire. Tha moran, am fad a bhios an coguis gan sgiursa, ri urnaigh, ri leugha, ri èisdeachd, is ri strì ’n aghaidh nam peacai’ sin is mō dam bheil spèis aca: ach cha luaithe tha’n leoghann a’ cadal, na tha iad a’ pilleadh ath-bhuailt a dh’ ionnsuidh an aingidheachd.—Co bu chràbhaidh na na h Iudhaich nuair a bha làmh DHIA air a leagail orra? Salm. lxxviii. 34. 35. Ach cha luaithe chaidh ’n amhghar seachad na leig iad DIA as an aire, ’s a dhearbh iad gu raibh an creide’ cealgach, rann. 36, 37. Theaga gu’n do thilg thu mach peaca eigin nach giulaine’ do choguis, is gu do sheachainn thu gach cionnt’ is graineala na cheile san t saoghal, ’s gidheadh gu bheil do natur [TD 13] salach gun bhi fathasd air a ghlana, 2 Pead. ii. 20, 22. Feudai’ tu meall luaith’ a tharruing gu dealbh gèige, no ainmhidh, no duine, ’s a bhi fad na h uine na luaith: mar sin feudaidh duine neo-iompaicht’ a choslas a chaochla’ air ioma dòigh, is a natur a bhi fathasd gun mhuthadh. AN CO-CHUR. Eisdibh mata, O dhaoine peacach, is thugaibh fainear, mar bu mhaith leibh a bhi beo, Isai. lv. 3. C’arson a mheallas sibh sibh-fein, is a shuidhicheas sibh air ghaineamh steidh ur dochais? Tha fios agam gidheadh nach gnothach furas an dochas so a spionadh uaibh; is eigin da so bhi searbh leibhsa, ’s gun amharus cha’n ’eil e taitneach leamsa. Tha mi dol na chinnseal mar Lèigh a bhiodh a dol a ghearradh aon da bhuill o chaomh-charaid: is eigin da dheana, ge h ann le cridhe goirt, le suil dheuraich, ’s le laimh chrithich. Ach, a bhraithre, tuigibh mi; cha’n ’eil mi ach a leagail sean tighe, (bha ulla’ gu tuiteam air ur ceann ’s ur brutha fui’) chum is gu togainn e ni’s maisiche ’s ni’s fearr, air sheòl as gu mair e gu siorruith. “Basaichidh dochas a chealgair,” Seanr. xi. 7. ma sheasas DIA ri fhacal. ’S nach fearr dhuitsa, O pheac- [TD 14] aich, rabha ghabhail na thrà, ’s do dhochas faoin agus mealltach a leige’ dhiot, na do shuilean a bhi air am fosgla tuille ’s anmoch leis a bhàs, agus thu fein fhaotainn an ifrinn mu’m bheil fios agad c’ait’ a bheil thu? Cha bhithinn-sa dileas do t anam mur innsinn duit gu bheil thu fathasd am builsgean do pheacai’ mu’s ann as aon do na nithe sin a chaidh a roi-ainmeacha tha t earbsa. Leig le d’ choguis labhairt. Ciod a th’ agad ri thagradh air do shon fein? An e gu bheil thu giulan suaicheantais CHRIOSD? gur ann air a dh’ ainmichear thu? gur ball da eaglais fhaic-sinneich thu? gu bheil eolas agad air puinc a chreidei’; gu bheil thu riaghailteach ad ghiulan; cùramach mu dhleasnais dhiadhaidh o’n leth amuigh; gu bheil thu cothromach ad ghnothaiche, ’s gu raibh mi-shuaimhneas agad ad choinnseas? Tha mise ’g innse dhuit ’o DHIA nach dean cùis diu so do lethsgeul a ghabhail aig cathair-breithanais. Ge maith iad so uile cha dearbh iad gu bheil thu iompaichte, ’s cha’n ’eil iad diongalt’ a chum do shabhaladh. O! sibhs’ uil’ aig nach ’eil ach na nithe so ri thagra, smuainichibh air ur staid, agus grad phillibh. Bithibh dùrachdach ann urnaigh, ann [TD 15] leugha, ’s nar cridheacha fein a mhion-fhiosracha. Na gabhaibh fois gus an dean DIA ’n obair iomlan annaibh; oir mur bi sibh air ur n atharrachadh, is daoine caillte sibh. Ach mas e ’s gu bheil a mhuinntir so teachd gairrid air iompacha, ciod a thachras do’n pheacach ro-aingidh? Theaga nach seall esan air na nithe so, ’s nach mo dh’ èisdeas e riu; ach ma thuiteas da an leugha no bhi ’n àit’ eisdeachd dhoibh, biodh fios aige o’n DIA sin a chruthaich e, gu bheil esan ro-fhad’ o rioghachd neimh. Am feud duine bhi riaghailteach agus faicilleach, ’s gidheadh gun bhi air iompacha? c’ aite mata ’n seas am misgear agus an geocach? Am feud duine cuideachd a ghleidhe’ leis na h oighean glice, ’s gidheadh a bhi air a dhruideadh amach; agus nach mo gu mor na sin a sgriosar companach nan amadan?” Seanr. xiii. 20. Ma dh’ fheudas duine bhi ceart agus cothromach na ghnothaiche, ’s gidheadh gun bhi air fhireanacha le DIA; ciod a thachras duitsa, O dhuine thruaigh, g’am bheil do choguis ag innse gu bheil thu cuilbheartach ad dhreuchd, failneach ad fhacal, agus ulla’ le teangai’ bhreugaich, [TD 16] gu cothrom a ghabhail air do choimhearsnach? Ma dh’ fheudas daoine bhi air an soillseacha ’s air an toirt gu dleasnais dhiadhaidh a ghnàthacha, ’s an deigh sin uile bhi air an call arson fantuinn aca, gun dol air an aghaidh gu lan-iompacha; ciod a thig ribhsa, O theaghlaiche truagha, tha caitheadh ur beatha gun DIA anns an t saoghal? agus ribhsa, O thruaghana peaccach, aig nach ’eil DIA ach tearc nur smuainte; tha co aineolach is nach aithne dhuibh, ’s co neo-chùramach is nach aill leibh urnaigh dheanadh? O deanaibh aithreachas is bithibh air ur n iompacha; “bristibh dhibh ur peacai’ le fireantachd;” rachaibh ionnsuidh Chriosd arson maitheanais agus gràis gu’r n ath-nuadhacha; thugaibh sibh fein asuas da, chum gluasad maille ris an’ naomhachd, air neo cha’n fhaic sibh gu siorruith DIA. O gu’n eisde’ sibh rabhainne DHIA! Na ainm-san tha mise aon uair eile ’g ur n earalacha. “Pillibh air mo chomhairle,” Seanr. i. 23. “Trèigibh a chuideachd amaideach, is bithibh beo,” Seanr. ix. 6. “Bithibh measarra, cothromach, diadhaidh,” Tit. ii. 12. “Glanaibh ur lamhan, a pheacacha; [TD 17] glanaibh ur cridheacha sibhs’ aig a bheil an inntin dhubailte,” Sheum. iv. 8. “Sguiribh do’n olc; ionnsaichibh am maith a dheanadh,” Isai. i. 16, 17. Ach ma ghabhas sibh air ur na ghaidh, is eigin duibh basacha: Esec. xxxiii. 11. CAIB. II. A feuchainn ciod anns a bheil IOMPACHA ag co-sheasamh. CHA’N fheud mi ur fagail le’r suilean leth fhosgailte, cosail risan a chunnaic daoine ’g imeachd mar chraobhan, Mar. viii. 24. Tha’m facal “prodhaiteach arson teasgaisg co maith is arson achasain,” 2 Tim. iii. 16. Air an aobhar sin an deigh ur stiura ’n fhad so ro’ choilion cunthart agus mearachd, theid mi nis astigh leibh ionnsuidh cala’ na firinn. Ann ath-ghairrid mata, tha iompacha ag co-sheasamh ann atharracha iomlan a theachd air a chridhe ’s air a chaithe-beatha. Natur agus aobhar an atharrachai’ so bheir mi oidheirp air a leige’ ris duibh. 1. “’S e Spiorad DHIA ughdar agus fhear-oibreachaidh,” ’s air an aobhar sin [TD 18] theirear ris “ naomhacha ’n Spioraid.” 2 Tessal. ii. 13. agus “ath-nuadhacha ’n Spioraid Naoimh,” Tit. iii. 5. Gidheadh cha’n ’eil so a druideadh amach pearsanna eile na Trionaid; oir tha’n t abstol a’ teagasg dhuinn buidheachas a thoirt do “Athair ar Tighearn’ IOSA CRIOSD, a dh’ áth-ghin sinn,” 1 Pead. i. 3. agus tha air a rà gu bheil CRIOST “a’ toirt aithreachais do Israel,” Gniomh. v. 31. is theirear ris “an t athair siorruith,” Isai. ix. 6. agus ruinne “a shliochd,” agus “a chlann a thug DIA dha,” Eabh. ii. 13. Isai. liii. 10. O cia sona ’n daimh so! tha’n Trionaid air fad mar athair aig an nua-chreatuir: ach a chionn gu bheil an obair air a h earbsa gu h araid ris an Spiorad Naomh, tha e air a rà gu bheil sinn “air ar breith o’n Spiorad,” Eoin. iii. 8. Uaidh so chi sinn gu bheil an obair so oiscionn cumhachd duine: “Tha sinn air ar gineamhuin, cha’n ann o thoil na feola, no o thoil duine, ach o DHIA,” Eoin. i. 13. Na smuainich gu brath gu bheil thu comasach air thu fein iompacha: ma b’ aill leat gu tachra so, na biodh suil agad ri dheanadh ad neart fein. Is ais-erigh o na mairbh e, [TD 19] Taisb. xx. 5. Ephes. ii. 1. is nua-chruthachadh e, Gal. vi. 15. Ephes. ii. 10. cha lugha na uile-chumhachd a tha comasach air, Ephes. i. 19. ’S am bheil neart duine cosail ri leithid so do nithe? Mur ’eil agad ach na deagh bheusan a fhuair thu o natur, gnè maith, macant agus stuama’, &c. tha thu fathasd ad choigreach do fhior-iompacha: oir is obair oiscionn natuir so. 2. “Tha da cheann-aobhair aig an obair so; aon o’n leth-astigh, is aon o’n leth-amach.” (1.) “Is e’n t aobhar o’n leth-astigh saor ghràs DHIA.” “Ni h’ ann o oibre fireantachd a rinn sinne, ach a reir a throcair fein shabhalaich e sinn, le ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh,” Tit. iii. 5. “O thoil fein ghin e sinn.” Sheum. i. 18. Tha sinn air ar tagha ’s air ar gairm a chum bhi air ar naomhacha, ’s cha’n ann a chionn gu bheil naomhachd sam bith againn, Ephes i. 4. Cia taingeil air a shon so Peadar! “Gu ma beannuichte gu raibh DIA agus athair ar Tighearn’ IOSA CHRIOSD, a rinn ar n ath-ghintein, na mhor-throcair,” 1 Pead. i. 3. ’S cia ulla’ bha Pol gu saor-throcair DHIA aideacha san ni cheudna! “DIA [TD 20] tha saibhir ann trocair, arson a mhor-ghraidh leis ’n do ghradhaich e sinn, cho-bheothaich e sinn maille ri CRIOSD: le gràs tha sibh air ur slanucha.” Ephes. ii. 4, 5. “(2). Is e aobhar ar n iompachaidh o’n leth amuigh airidh agus eidir-ghuidh ar Slanui’ear bheannuichte.” “Do dhaoine ceannairceach fhuair e tiolaca,” Salm. lxviii. 18. Agus is ann da thrid-san ata DIA ’g oibreachadh annainn gach ni tha taitneach na lathair fein, Eabh. xiii. 21. Is ann da thridsan ata sinn a’ faotain na h uile bheannacha spioradail ann nithe neamhaidh. Ephes. i. 3. Is esan a rinn eidir-ghuidh arson nan daoine taghta mu’n do chreid iad, Eoin. xvii. 20. Is ann do thoradh a shaoithreach-san gach duine iompaichte, Isai. lii. 11. Agus co mhathair a dh’ fhuiling riabh arson leinibh uirrid as a dh’ fhuiling CRIOSD air arson-ne! Gach pian, is spairn, is crà dh’ fhuiling e air a chrann-cheusaidh, b’ iad sin piantaidh ar n ath-ghineamhuin-ne, Gniomh. ii. 24. Tha e air a dheana’ na naomhacha air arson-ne, 1 Cor. i. 30. Naomhaich se e fein (no thug se e fein seachad mar naomh-iobairt) a chum ’s gu [TD 21] biodh mide air ar naomhacha, Eoin. xvii. 19. Agus is ann trid ofrail a chuirp-san, aon uair arson na h uile, tha sinn air ar deana naomha, Eabh. x. 10. 3. “Is iad na h ionstrumeinte, leis am bheil an t iompacha so ga oibreacha, ministrealachd an fhocail, agus am focal fein.” (1.) “Ann IOSA CRIOSD ghin mise sibh, trid an t soisgeil,” 1 Cor. iv. 15. Is iad ministeara CHRIOSD an dream a th’ air an cur a dh’ fhosgla suilean daoine, ’s g’an iompa dh’ ionnsuidh DHIA, Gniomh. xxvi. 18. (2). Tha sinn air ar n ath-ghintein le facal na firinn: is e so a shoillsicheas an t sùil, a dh’ iompaidheas an t anam, Salm. xix. 7, 8. ’s a tha comasach air ar deana glic a chum slainte, 2 Tim. iii. 15. Is e so an siol neo-thruailli’ leis a bheil sinn air ar n ath-ghintein, 1 Pead. i. 23. Ma tha sinn air ar glana, ’s ann leis an fhocal, Ephes. v. 26. Ma tha sinn air ar naomhacha, ’s ann trid na firinn, Eoin. xvii. 17. ’S e so ata ’g oibreacha creideimh ann-ainn, is gar n ath-ghineamhuin, Rom. x. 17. Sheum. i. 18. Cia mor an spèis bu choir a bhi agaibhsa do’n fhocal, O dhaoine naomha! oir is ann [TD 22] leis a bha sibh air ar n iompacha? Cia dùrachdach bu choir dhuibhsa bhi ga iarruidh, O pheacacha! oir is ann leis is eigin duibh bhi air ar n iompacha cuideachd; cha’n ’eil meadhon cumainte sam bith ann ach è. Sibhs’ a mhothaich a chumhachd ga’r n ath-nuadhacha, bithibh toigheach uime ’m fad is beo sibh; bithibh gu brath taingeil air a shon: ceanglaibh e mur muineal; sgriobhaibh air ur dearnaidh e; taisgibh na’r brollach e, Seanr. vi. 21, 22. Nuair a tha sibh ag imeachd, deanadh e ur stiura; nuair a tha sibh a’ cadal, deanadh e ur coimhead; nuair a tha sibh a’ dùsga, deanadh e cainnt ribh. Abraibh leis an duine naomh Daibhi’, cha dio-chuimhnich mi a choidh’ t iartais, oir leo-san rinn thu mo bheothacha, Salm. cxix. 93. Sibhsa tha neo-iompaichte, leughibh am focal le curam, dlùthaichibh ris an àite ’m bheil e air a shearmonacha le cumhachd; lionaibh na dorsa mar a mhor-bhuidheann easlan, dhall, bhacach, sheargta, a’ feithe’ ri gluasad an uisge, Ein. v. 3. Guidhibh gu tigeadh an Spiorad anns an fhocal: thigibh do’n t Searmoin o ’r glùnaibh; is rachaibh gu’r glunaibh o’n t Searmoin a ris. Cha’n fhàs an siol mur bi e air uisgeacha le [TD 23] deoir is le h urnaighean, ’s air altrum le cùl-smuainte co maith as le h ul’acha. 4. “’Se crioch an iompachai (no run na Ti tha ga oibreacha) slaint’ an duine, ’s gloir DHIA.” Tha sinn air ar tagha trid naomhachai chum slainte, 2 Tess. ii 13. air ar gairm, a chum as gu bithemid air ar gloracha: Rom. viii. 30. ach gu h araid a chum as gu biodh DIA air a ghloracha, Isai. lx. 21. gu cuire-mide ’n cèill a chliu, 1 Pead. ii. 9. ’s gu bithemid tarbhach ann deagh oibre, Col. i. 10. O Chriosduidh! na dio-chuimhnich ciod a chrioch gus an deachai do do ghairm; leig le d’ sholus dealra, Mat. v. 16. leig le d’ lochran lasadh, is le d’ thoradh a bhi maith, agus pailt, is ann deagh am, Salm. i. 3 biodh t uile rùn a reir ruin DE, a chum anns gach ni gu biodh esan air a ghloracha leat, Phil. i. 10. 5. “’Se an neach a th’air atharracha mar so am peacach taghta, agus sin gu h iomlan, na uile cheatfaidh agus chumhachdan, na bhallaibh uile ’s na inntin.” Cha’n e an sean tigh a leasachadh ach a leagail, is aitreabh ùr a chur asuas na aite, a ni iompacha; cha mho is e mìr do eudach ùr a chur air an t sean truscan; ach an aitreabh is an [TD 24] truscan a bhi gu h iomlan nuadh, Tha naomhachd a’ ruith ro’ cheatfaidh, ro’ chridhe, ’s ro’ chaithe-beatha ’n duine iompaichte. Is duine nuadh e, Ephes. iv. 24. nuadh chreatuir. “Tha na h uile nithe nuadh,” 2 Cor. v. 17. Tha iompacha a’ dol domhain, is a ruigheachd air a chridhe, Gniomh. ii. 37. agus vi. 14. a’ tilge gach ni bonn os ceann, is a’ fagail duine mar gu b’ ann an saoghal eile. Tha e ruith air feadh an duine gu h iomlan, na inntin, na bhallaibh, is na chaithe-beatha anns gach earainn deth. 1. “’Na inntin.” Tha e ag deanadh atharrachaidh iomlain ann taobh astigh. Ann toiseach, tha e ’g atharracha na barail, agus breithneachai na h inntin, air chor as gu bheil an soaghal is gach ni a th’ ann mar neo-ni ann suilibh an duine iompaichte, an coimeas ri DIA ’s ri ghloir, Gniomh. xx. 24. Phil. i. 20. Salm. lxxiii. 25. Fosglaidh e suile na h inntin, agus “tionndaidh e daoine o dhorchadas gu solus,” Gniomh. xxvi. 18. Ephes. iii. 8. 1 Pet. ii. 12. An duine nach faca roimhe cunthart sam bith na staid, tha e nis ga fhaicinn fein caillte, caillte gu tur, Gniomh. ii. 37. ni’s lugha na [TD 25] bhios e air ath-nuadhacha le cumhachd grais. Esan a shaoil roimhe nach raibh moran cron sa pheaca, tha e ’nis a’ faicinn nach ’eil dorainn sam bith coimeas da: tha e faicinn gu bheil am peaca na ni mi-reusant’ ea-corach agus ro-ghràineil; air chor as gu bheil eagal is fuath aige roimhe; gu bheil e ga sheachna ’s a’ teiche’ uaithe, is gràin aige seadh dheth-fein arson bhi cionntach ann, Rom. vii. 18. Job xlii. 6. Esec. xxxvi. 31. Nis, a reir an t soluis nuaidh so, tha caochla inntin agus breathnachaidh aig an duine na bh’ aige roimhe: nis is e DIA gach ni l’ esan: cha’n ’eil neach aig “air neamh no air thalamh coimeas da,” Salm. lxxiii. 25. Tha e ’ga’ roighneacha ro’n domhan uile; ’s fearr leis a chaoi’neas gràdhach na beatha: is solasaiche leis dealradh a ghnùis na ola ’s fion, is gach teachd-an-tir air an do shocruich e roimhe sin a chridhe, Salm. iv. 6. 7. ’Se so guth an duin’ iompaichte; “Is e n Tighearna mo phorsan, a deir m’ anam: Co th’ agam air neamh ach thusa? ’s ni bheil neach air thalamh air a bheil mo chion ach thu. Is e DIA neart mo chridhe, ’s [TD 26] mo chuibhrionn buan am feasd.” Salm. lxxiii. 25, 26. Tuir. iii. 24. San dara h aite, “bheir iompacha do dhuine caochla toile, araon a thaobh nam meadhona agus na criche.” 1. “Tha ’n rùn air atharracha,” Esec. xxxvi, 26. Jer. xxvi. 33. Isai. xxvi. 8, 9. Tha crioch nuadh is rùn nuadh aig an duine iompaichte. Tha nis DIA thar gach ni na aire, ’s cha’n ’eil suim aige do ni san t faoghal coimeas ri CRIOSD a bhi air a chliudhacha leis, Phil. i. 20. Tha e ga mheas fein ni’s sona ma chuireas e onoir sam bith air CRIOST, no ma ni e seirbheis sam bith dha na ghinealach, na ’s na h uile ni eile ’s urr’ an saoghal a thoirt seachad. Is e’n aon ni sonraicht’ a th’ air aire ainm IOS’ a bhi air ardacha san t saoghal, agus sguaban a bhrathar a striochda sios uile da sguaibsan, Gen. xxxvii. 7. A leughadair, am bheil thus’ a’ faicinn so, ’s nach ’eil thu feoruich dhiot fein, an e so is rùn duitsa? Stad tamul, agus smuainich air a ghnothach chuidreamach so. 2. “Tha roghainn an duin’ iompaicht’ air a h atharracha co maith ri run.” Tha e nis a’ roighneacha sligh’ eile, Salm. cxix. 15. The e roighneacha DHIA mar a chuibh- [TD 27] rionn, CHRIOSD mar a Shlanui’ear, is naomhachd mar a shlighe dh’ ionnsuidh DHIA, Eoin xiv. 6. Rom. ii. 7. Tha e roighneachadh IOSA mar a Thighearna, Col. ii. 6. Cha’n ann arson eigin idir a tha e dol ionnsuidh CHRIOSD, mar gu seideadh an doinionn e; ach tha e gabhail ris le rùn suidhichte mar an roghainn is fearr, Phil. i. 23. is an ni a thogadh e ro’ ionmhus an t saoghail so uile, ge d’ fhaigheadh e’n t iomlan co fhad as a b’ àill leis. Aris, tha e gabhail naomhachd mar a shlighe, ’s a’ gluasad na ceimibh cha’n ann an aghaidh a thoil, ach le togra ’s làn-speis di: “Roighnich mi slighe t aitheanta,” Salm. cxix. 173. Tha e meas lagh DHIA, cha’n ann mar a chuing, ach mar oighreachd, seadh oighreachd bhith-bhuan, rann 111. Tha e gabhail teisteis DE, cha’n ann mar chuibhreach no mar uallach, ach mar a sholas is mar a shonnas, 1 Eoin v. 3. Salm. cxix. 14. 16. 17. Cha’n e mhain gu bheil e giulan cuing CHROISD, ach tha e ga gabhail. Tha e gabhail naomhacd, cha’n ann mar a ni ’n duine tinn deoch-leighis shearbh a’s eigin da òl no basachadh, ach mar a ghabhas an duine acrach am biadh d’am bi speis aige. Cha’n ’eil ùin’ air bith [TD 28] co taitneach leis (nuair tha e na bheachd fein) ris an uine sin a tha e buileachadh ann oibre naomha. ’S iad so a sholas agus aighear; miann a shùl agus aoibhneas a chridhe, Job xxiii. 12. Salm. cxix. 82, 131, 162, 174. agus lxiii. 5. Cuir a nis do choguis chuige dh’ fheuchainn an tu fein an duine. O cia sona thu ma ’s e so do chor! Ach feuch gu bi thu cùramach agus mion ann an ceasnacha co chuidreamach. Ann san treas aite, “bheir iompacha do dhuine caochla aigne,” 2 Cor. vii. 11. Tha so air fad a’ ruith ann sruth-chlais nua’: tha Jordan a nis air a philleadh air ais, is a shruth a’ ruith ann aird, ann aghaidh cùrsa natuir. Is e CRIOSD a dhochas, 1 Tim. i. 1. is e so ionmhas, Phil. iii. 8. is ann an so tha shuil, is ann an so tha chridhe. Mar cheannuiche bhiodh ulla’ gu bàsacha san doininn, tha e toileach gach ni tha aige thilgeil thar bord, ma dh’ fheudas e ach an aon seud so a ghleidhe. Tha a cheud thogra, cha’n ann an dèigh òir, ach an deigh gràis, Phil. iii. 13. Tha ciocras air na dheigh mar dhuine acrach; tha e ga iarruidh mar airgiod is a’ claodhach [TD 29] air a shon mar ionmhus faluichte: b’fhearr leis bhi gràsmhor na bhi saibhir; b’ fhearr leis gu b’ e duine bu naomha air thalamh, na gu b’ e duine b’ fholuimte, b’ ainmeala, ’s bu chumhachdaiche. Am fad ’s a bha e feolar b’i chainnt, O! nam biodh urram mor agam, is pailteas storais agus saibhreis; nam biodh m’ ainmheach air a phaighe’, ’s teachdan-tir agam fein is aig mo chuideachd, ann sin bu duine sona mi. Ach a nis tha a ghuth air atharracha: O! ars’ an duin’ iompaichte, nam biodh mo pheacaidh air an claoidh, nam biodh a leithid sin do thomhas gràis agam, a leithid sin do cho-chomun le DIA, ge d’ bhithinn bochd agus suarach, cha bhiodh umhail agam dheth, mheasainn mi fein am dhuine sona. A leughadair, an i so cànain t anama sa? Tha aoibhneas an duine iompaichte air atharracha. Is aoibhneiche leis slighe teisteis DE na saibhreas mor da mheud, Salm. cxix. 14. Tha e “gabhail toil do naomh-reachd DHE,” cha’n èil aoibhneas air bith aige coimeas do bhi smuainteachadh air CRIOSD, a’ mealtuinn a chuideachd, is a faicinn a luchd-muinntir a’ soirbheacha. Tha a chùram air a ghlan atharracha; bha [TD 30] uair a bha a chridhe leagta co mor air an t saoghal as gu bu leor leis mionaide iomallach uin’ a bhuileachadh air anam. Ach a nis cha’n ’eil cùram tuill’ air arson nan assal,” oir tha a chridh’ air a shocruchadh air an rioghachd. A nis is e ’n aon ni tha cur iomguin air, “Ciod a ni mi chum as gu sabhalar mi?” Gniomh. xvi. 30. Is e chùram sonraicht’ anam a thearnadh. O cia taingeil a bhiodh e dhuit nan cuire’ tu as amharus e mu thiochiol so! Tha eagal air atharracha mar an ceudna: Eabh. xi. 25. 27. Aon uair cha raibh ni sam bith a’ cur uirread eagail air ri call a mhaoin no urram no toil-inntin a chairdean, is tuiteam fa dhiomb dhaoine cumhachdach; cha raibh ni air bith a b’ eagalaiche leis na iomra chluinntin air pèin, no bochdainn, no mi-chliu: ach a nis tha na nithe so faoin na shuilibh an coimeas ri eas-onoir no diomb DHIA. Cia faicilleach a tha e gluasad mu’n saltair e air rib, no mu’m faigh e tuisleadh! Tha eagal air an cònuidh, tha e sealltuin roimhe ’s na dhèigh; tha shuil air a chridhe, ’s tha e gu bitheanta ga tilgeil thar a ghualainn, mu’n glacar e uair sam bith le peaca, Salm. xxxix. 1. Seanr. xxviii. 14. Ecles. ii. [TD 31] 14. Tha e fuidh oillt ma thuiteas da uirread as smuainteach air fabhar DHIA a chall; is e so an aon ni tha eagal bais aige roimhe, Salm. li. 11. 12. agus cxix. 8. Cha’n èil ni san domhan a chràidheas e co mor ri smuainteach’ air dealacha ri CRIOSD. Tha a ghaol a’ ruith ann am mùtha rathaid. “Chaidh mo ghaols’ a chèusadh!” ars’ Ignatius a’ labhairt mu thiomchiol CHRIOSD. “Is e so mo ghràdhsa,” ars’ an leannan, Caintic. v. 16. ’S cia mor an solas leis a bheil Augustin gu bitheant’ a’ dortadh amach a ghraidh air CRIOSD? “Faiceam thu, O sholuis mo shùl! Thig, O aoibhneis mo spioraid. Dearcam ort, O bheatha m’ anama. O nochd thu fein domh, mo mhor-àgh, is mo làn-chofhurtachd; mo DHIA, mo bheatha, ’s uile ghloir m’ anama. Leig dhomh t fhaicinn, O mhiann mo chridhe. Leig dhomh do ghleidhe, O ghaoil m’ anama. Leig dhomh do ghlaca, leig dhomh do mhealtuinn, O fhir-nua-phosda neamhaidh.” Tha a bhròn cuideachd a’ ruith arson mutha aobhair, 2 Cor. vii’ 9. 10. Sealla da pheacai’, ’s do CHRIOSD air a cheusadh, [TD 32] a ’s gann a dhruidheadh air roimhe, cia goirt a tha eud anois a ruigheaehd a chridhe! Tha fhuath air ghoil, is a chorruich a’ lasadh ann aghaidh a pheacaidh, Salm. cxix. 104. Cha’n ’eil faighidin aige ris fein; tha e ga mheas fein mar amadan, is a’ meas ainm air bith tuille ’s maith air a shon, nuair tha fhearg air a dusga suas ann aghaidh a pheacaidh, Salm. lxxiii. 22. Seanr. xxx. 2. A nis mata “dean thusa cò’ra ri d’ chridhe fein,” is feuch ciod an taobh tha t aigne ’m bitheantas a’ ruith, is do chridh’ ag aomadh, am bheil no nach ’eil e ionnsuidh DHIA ann CRIOSD oscionn gach aon ni eile. Tha, gun amharus, dusgadh aigne, grad agus laidir, r’a fhaotainn gu tric ann an cealgoirean, aig a bheil natur buailteach d’a leithid sin do thiomadh: agus, air an laimh eile, tha na naoimh iad-fein as eugais an aigne mhothachail so, far am bheil an natur ni’s maille ’s ni’s do-dhùsgaidh. Is i cheist mhor am bheil an inntin is an toil gu daingean air an socrachadh air DIA, thar gach ni eile o’m bheil sùil againn ri bheag no mhor de bhuannachd: ’s ma tha’n t aigne gu treibh-dhìreach a’ leantuin na roghainn so ge nach ’eil e co laidir no mhothachail as [TD 33] bu mhaith leinn, cha’ n ’eil ag nach ’eil an t atharracha slainteil. 2. Tha’n t iompacha iomlan “air feadh nam ball uile.” Na buill a bha roimhe nan ionstrumeinte do’n pheaca, tha iad a nis nan soithiche naomh am beo-theampul CHRIOSD, Rom. vi. 16. 1 Cor. iii. 16. An t sùil a bha roimhe so luaineach, macnusach, ardanach, sanntach, tha i nis, cosail ri suil Mhuire, ri bron oscionn a peacaidh, Luc. vii. 38. a’ dearcadh air DIA na oibre, Salm. viii. 3. a’ leughadh fhocail, Gniomh. viii, 30. a’ sealltuinn a sios agus asuas arson diol-deirce ’s cuspaire trocair, is arson cothrom agus fàth seirbheis air bith a dheana do’n Tighearna. A chluas, a bha roimhe so fosgailte do ghairm an Aibhisteir, is aig nach raibh uirread speis do ni sam bith as a bh’ aice do chò’ra salach agus faoin, is do ghàire ’n amadain, tha i nis air a fuaigheal ri dorus tighe CHRIOSD, is fosgailte da theagasg. Tha i ’g rà “Labhair, a Thighearna, oir tha do sheirbhiseach ag eisdeachd;” is tha ciocras orra ’n deigh fhocail mar an’ deigh uisge, ’s ga mhiannacha ni’s mo na’n teachd-an-tir a bheathaicheas e, Job xxiii. 12. “ni’s mo na mhil ’s a chir-mheala,” Salm xix. 10. [TD 34] An ceann, a bha làn do innleachda soaghalta, tha e nis air a liona le nithe eile, ’s air a shhocrachadh air toil DIA, Salm. i. 2. agus cxix. 97. Na smuainte ’s an cùram a tha ga liona, ’s ann mu Dhia thoileacha ’s mu’n pheaca sheachnadh a tha iad gu h àraid air am bnileachadh. A chridhe, bha lan do an-mianna gràineil, tha e nis air fàs na altair chubhrai’, far am bheil teine gràidh do DHIA air a ghleidhe ’n cònuidh beo; ’s o’m bheil gach aon la iobairt urnaigh agus molaidh, maille ri tùis athchuinge naoimh, bith-urnaigh agus osnaich’, a sior dhol suas, Salm. cviii. 1. agus cxix. 20. agus cxxxix. 17, 18. Tha bheul air fàs na thobar beatha, a theanga mar airgiod taghta, ’s a bhilidh a beathaca moran, o’n tha ’nis a cho’ra air a dheana blasda le gràs, Col. iv. 6. is am beul air a ghlanadh o choluadar salach, o mhiodal, o bhòsd, o bhreugan, o mhionnan, o chùl-chàine, bha aon uair a’ bristeadh amach nan lasraichean o’n ifrinn sin a bha sa chridhe, Sheum. iii. 6, 7. An sgornan, a bha roimhe mar “uaigh fhosgailte,” Rom. iii. 13. tha e nis a cur amach dea’-bholadh urnaigh agus naomh- [TD 35] choluadar, is tha ’n duin’ a’ labhairt an teangaidh eile, eadhon an cànuin Chanaain, is a’ ghabail an tlachd is mo ann a bhi labhairt mu DHIA, mu CHRIOSD, is mu shaoghal eile. Tha bheul a’ cur ann ceill gliocais, agus is i theanga (th’ air fàs na trompaid airgid a chliudhachadh a Chruthai’ir) a ghloir, is am ball a’s fearr da bhallaibh. A nis so far am faigh thu ’n cealgair fàilneach. Labhraidh e, theaga, mar aingeal, ach tha a chridhe sanntach, no duais an eas-ionracais na laimh; no ma tha a làmh glan, tha chridhe làn do shalchar, Mat. xxiii. 27. làn do chùram mi-laghail, do an-mianna neo-claoidhte, do uabhar agus do mhi-run. Theaga, mar iomhaigh Nebuchadnesair, gu bheil, a cheann do dh’òr, gu bheil moran eolais aige; ach tha chasan do chreidh, tha aigne saoghalta, tha intinn talmhai, tha ghiulan feolar. Lean ann diomhair e, ’s gheibh thu a lorg ann leth-rathad eigin peacach; cha’d atharraich each an cuid do nithe. 3. Tha’n t iompacha iomlan “air feadh a chaithe-beatha ’s a ghiulain.” Tha ’n duine nuadh ag imeachd an slighe nuadh, Ephes. ii. 2. 3. Tha a choluadar air neamh, Phil. iii. 20. Cha luaith’ a ghairmeas CRIOSD, [TD 36] le ghràs eifeachdach, na ni esan air ball a leantuinn, Mat. iv. 20. Nuair tha DIA a’ toirt da cridhe nuadh, ’s a’ scriobhadh a lagh air inntin, tha esan air ball a’ gluasad na shlighe ’s a’ coimhead aitheanta, Esec. xxxvi. 26, 27. Ge d’ raibh peaca ann fathasd, gidheadh cha’n ’eil uachdranachd aige ni’s mo os a cheann,” Rom. vi. 7, 14. “tha thoradh aige chum naomhachd,” Caib. vi. 22. Is ge d’ fhaigh e ioma’ tuisle, gidheadh is e lagh na beatha agus IOS’ a tha e ag sior-leantuinn, Salm. cxix. 30. Eabh. xii. 2. is tha speis aige do aitheanta DHIA air fad, is a choinnseas a’ gabhail suim do na peacaidh is lugha ’s do na dleasnais is suaraiche, Salm. cxix. 113. Tha fhailinn agus anmhuinneachd fein nan leth-trom air anam: cosail ris an smuirnein a bhios ann sùil duine, ge nach ’eil e ach beag tha e ro-dhraghail. (O dhuine! ’m bheil thu ag leugha so, ’s gun thu sealltuin astigh air t anam le fein-cheasnacha?) Cha’n ’eil am fior-aithreach na aon duine san eaglais, is na dhuin’ eil’ aig an tigh; naomh air a ghluinibh agus carach na bhùth agus na ghnothaiche; cha toir e deachamh a’ mionnt’ agus cuimin [TD 37] an dòchas gu diol sin arson dearmaid a dheanadh “air nithe cud-thromach an lagha, ceartas agus trocair;” cha ghabh e os laimh bhi diadhaidh nuair tha e leigeil thairis a dhleasnais do dhaoine, Mat. xxiii. 14. ach tha e pilleadh o uile pheacaidh, is a’ coimhead uile orduigh DHIA, Esec. xviii. 21. ’s ge nach urr’e so a dheana gu foirfe, gidheadh tha e ga dheana gu dicheallach agus gu treibh-dhireach; gun cheadacha dha fein aon sam bith dhiubh a bhristeadh, Rom. vii. 15. A nis tha speis aige do’n fhocal, tha e dùrachdach ann urnaigh, is tha e fosgladh a laimhe ’s a tarruing amach anama do’n fhèumach agus do’n acrach, Rom. vii. 22. Salm. cix. 4. Isai. lviii. 10. Tha e bristeadh air falbh a pheacai’ le fireantachd, “agus aingidheachd le trocair a nochda do na bochdan,” Dan. iv. 27. Tha dea’ chionnseas aige, toileach a bheath’ a chaithe gu cubhaibh anns na h uile nithe, Eabh. xiii. 18. ’s è fein a ghleidhe gun oilbheum araon a thaobh DHIA agus dhuine. An so a ris chi thu mi-fhallaineachd moran do luchd aidmheil, a tha gam meas fein nan Criosdui’ean maith. Tha iad bristeach an san lagh, Mal. ii. 9. a toirt fainear [TD 38] nan dleasnas is àraide s’ is usa, ach cha’n ’eil iad a’ dol ro’ an obair gu h iomlan: tha iad, mar bha Ephraim o shean, cosail ri aran nach deach’ a thionnda, Hos. vii. 8. Theaga gu faigh thu iad faicilleach nan cainnt, is cothromach nan gnothaiche, ’s gidheadh gu’n saothair air bith a chur orra fein ann obair na diadhachd; agus mu thiomchiol iad fein a cheasnacha ’s an cridh’ a riaghla, cha’n aithne dhoibh ciod is ciall da. Gheibh thu iad coilionta san t searmoin, ach lean iad gu’n teaghlaiche ’s ann sin chi thu gur beag aire th’aca air ni sam bith ach an saoghal: no ma tha seorta rathaid ac’ air aora nan teaglaichibh, lean iad gu’n seomar uaigneis, is chi thu’n sin gur beag an suim d’an anam. Theaga gu bheil càileigin do choslas diadhuidh orra, ’s gidheadh nach ’eil iad a’ cur srèin r’an teangaidh is mar sin gu bheil an diadhachd uile diomhain, Sheum. i. 26. Theaga gu bheil iad a’ cleachdainn urnaigh araon nan teaghlaichean agus nan seomraichean, am follas agus an diomhair, ach lean iad gu’m bùthaibh agus gu’n gnothaiche, ’s an sin gheibh thu iad a’ gnathacha bhreug, no foill eigin eile gu cothrom a ghabhail air an coimhearsnach. Mar so gheibh thu’n [TD 39] failneach anns gach earrainn da umhlachd.—An deigh na h uirread a rà mu thiomchiol na muinntir a th’ air an iompacha, feuchamid a nis. 6. “Co uaidh a tha sin a’ toinndadh, agus co ionnsuidh.” 1. Is iad na nithe sin om bheil sinn a’ tionnda san iompacha so, am peaca, an t Aibheister, an saoghal, agus ar fireantachd fein. Ann toiseach, am peaca. Nuair a tha duin’ air iompacha, tha e cur cùl gu bràth ris a pheaca; seadh, ris gach uile pheaca, Salm. cxix. 128. Ach gu sonraichte r’a pheacai’ fein, is gu h araid ris a pheaca bu toighiche leis, Salm. xviii. 23. Is e’m peaca tha dusgadh a dhiomb agus a chorruich, 2 Cor. vii. 11. Is e so cuideachd a tha dusgadh a bhròin, ga leon agus ga lot. Tha e ga mhothacha mar lann na thaobh, no mar bhior na shùil. Tha e caoidh agus a’ gleachd fuidhe, ’s ag glaodhach gu goirt, Och is duine truagh mise! Cha’n ’eil uallach air bith is truime leis na a pheaca, Salm. xl. 12. Nan tuga DIA dha a roghainn, ghabhadh e os laimh trioblaid air bith fhulang air ghaol bhi saor o pheaca: tha e ga mhothacha [TD 40] so mar chloich ghèir na bhròig, a tha ga lot agus ga chrà gach ceim a tha e siubhal. Mu’n d’ iompaicheadh e bha barail fhaoin aig’ air a pheaca. Mar a rinn Uriah air uan dh’ àraich e na uchd e; “dh’ altruim e suas e, agus dh’ fhàs e maille ris.” Ach air do DHIA a shuilean fhosgla le iompacha, tha e ga thilgeil uaithe le grain, Isai. xxx. 22. Nuair a thig atharracha slainteil air duine, tha geùr mhothachadh aige cha’n e mhàin air cunthart, ach mar an ceudn’ air gràinealachd a pheacaidh; agus O, cia durachdach a ghuidhe ri DIA gu biodh e air a ghlanadh! Tha grain aige dheth fein arson a pheacai’, Esec. xxxvi. 31. Tha e ruith a dh’ ionnsuidh CHRIOSD, is ga thilgeil fein san tobar-ghlanaidh sin a tha arson peacaidh agus neo-ghlaine, Sechar. xiii. 1. Tha’n duin’ iompaichte, le uile chridhe, a’ gleachd agus a’ cogadh an aghaidh a pheacai’: tha e gu tric air a sharuchadh, ach gu brath cha striochd e, ’s cha leag e sios arma; ach cuiridh e cath maith a chreidei’ co fhad as is beo e. Is urr’ e maitheanas a thoirt da naimhdean eile, ’s urr’ e truas a ghabhail diu, is urnaigh a dheanadh as an leith, Gniomb. vii. 60. ach an so cha ghabh [TD 41] e ri rèite, tha e leagta ri dioghaltas: cha choigil a shùil is cha chaomhainn a lamh, ge d’ bhiodh e dha mar laimh dheis no mar shuil deis. Biodh e na pheaca prodhaiteach no solasach, no cliuteach am measg a chairde saoghalta, gidheadh is fearr leis a phrodhait, an solas, agus an cliu so chall, na ceadacha dha fein buanachadh am peaca sam bith le fios da, Luc. xix. 8. Cha nochd e baigh no cairdeas air bith ri aon pheaca: c’ait air bith an tachair e ris tha e ga chronacha ’s a’ cur na aghai’, gun fhailt air bith aige ri chuir air is fearr na “’N d’ fhuair mi thu, O mo namhaid!” A leughadair, an raibh do choguis aig a h obair am feadh a bha thu sealltuinn thairis air na briathra so? An do chnuasaich thu na nithe so ann a d’ chridhe? An do leugh thu ’n leabhar an taobh astigh, a dh’ fheuchainn am bheil na nithe so do rireadh mar so? Mur d’ rinn thu so, leugh na nithe so a rìs, is thoir air do choguis labhairt, agus innse’ dhuit gu soilleir an i no nach i so do staidsa. An do “cheus thu ’n fheoil, le h aigne ’s le h an-mianna;” ’s an d’rinn thu cha’n e mhain do pheacaidh aideachadh, ach mar [TD 42] an ceudn’ an treigsinn? an treigsinn gu buileach ad rùn is ad dhùrachd, agus an seachnadh ann ad chaithe-beatha; gun bhi cionntach ann aon air bith dhiu le d’ dheoin no le fios duit? Mur d’ rinn thu so, cha’n ’eil thu air t iompacha fathasd San dara h aite, tha sinn a’ pilleadh on Aibhisteir. Tha iompacha a’ ceangal an duine laidir, a’ toirt uaidh arma, a tilgeil amach airneis, agus a’ pille’ dhaoine o chumhachd an Abhisteir a dh’ ionnsui DHIA, Gniomh. xxvi. 18. Roimhe so, cha luaithe a smèideadh an t Abhisteir le mheur ris a pheacach, gu ghairm gu cuideachd olc, gu cluiche chronail, no gu solas gràineil; na dheanadh e air ball a leantuinn, “mar an damh a dh’ ionnsuidh a chasgraidh, is mar an t amadan gu smachdachadh a chip; mar a dheifricheas eun a chum an rib, is gun fhios aige gur ann chum a bhàis ata e.” Ach an deigh bhi air iompacha’ tha e toirt seirbbeis do mhaighstir eile, ’s a’ gabhail mutha rathaid, 1 Pead. iv. 4. tha e falbh agus a’ teachd air smèide’ CHRIOSD, Col. iii. 24. Air uairibh feudai’ Satan a chas fhaotainn an sàs, ach da dheoin cha bhi e na thràill aige ni’s faide. Tha e [TD 43] seachantach air gach rib is buaire, ’s air fhaicill an aghaidh innleachdan an Aibhisteir: anns gach ni tha eùd aige roimhe, eagal gu toir e uair air bith oidheirp air, no gu faigh e tèum air. Tha e “gleachd ri uachdranachdaibh agus ri cumhachdaibh,” Ephes. vi. 21. Tha shuil an cònuidh air a namhaid, 1 Pead. v. 8. is tha e ri faire anns gach dleasnas, a chum as nach faigh a namhaid greim air. San treas aite tha sinn a’ pilleadh o’n t saoghal. Roimh’ iompacha ’s e ’n saoghal aig a bheil a bhuai’. Tha duin’ a’ striochdadh an dara cuid do Mhammon no da dhea’ chliu fein; no tha “barrachd graidh aige do shòlas na th’ aige do DHIA,” 2 Tim. iii. 4. So far am bheil freamh ar truaighe o’n cheud leaga; tha aomadh ar cridhe dh’ ionnsuidh a chreatuir ni ’s mo na dh’ ionnsui’ DHIA, ’s tha sinn a’ toirt do’n chreatuir an spèis, an earbsa, agus am meas sin bu chubhai’ dhuinn a thoirt do DHIA na aonar, Rom. i. 25. Mat. x. 37. Seanr. xviii. 11. Ierem. xvii. 5. Ach tha gràs an iompachaidh a’ cur gach ni ceart a rìs. Tha e cur DHIA san ri’-chathair, agus an t saoghail aig stol a choise, [TD 44] Salm. lxxiii. 25. Tha e cur CHRIOSD ann sa chridhe, ’s an t saoghail fa chois, Ephes. iii. 17. Taisb. xii. 1. Is amhluidh a deir Pol, “tha mis’ air mo cheusa do’n t saoghal, agus an saoghal dhomhsa,” Gal. vi. 14. Roi’ ’n atharracha so b’ i aon iomguin, “Co nochdas duinn (do nithe ’n t saoghail so) aon ni maith?” Ach a nis tha e seinn mutha ceileir, “A Thighearna, tog thusa dealra do ghnuis ormsa,” ’s biodh coirc is fion is sochairean an t saoghail so aig a a mhuinntir leis an aill, Salm. iv. 6, 7. Roimhe so, bha miann is toil-inntin a chridhe san t saoghal; agus is e b’ òran da ’n sin, “Anam, gabh t fhois; ith, ól, is bi subhach; tha gu leor do mhaoin agad air a thasgai’ suas arson ioma bliadhna.” Ach a nis shearg so uile, “’s cha’n ’eil aill’eachd air bith ann gur fiu leis iarruidh.” Air an aobhar sin tha e seinn le Salmadair binn Israel, “Ni m’ anam uaill san Tighearna; ’s e DIA cuibhrionn m’ oighreachd; thuit mo chrannchar an aite aoibhneach, agus is breagha m’ oighreachd.” Tha e ga mheas fein sona, ’s a’ deana gairdeachais na DHIA, Salm. xxxiv. 2. Tuir. iii. 24. ’s cha’n ’eil ni sam bith eile [TD 45] comasach air a thoileacha. Sgriobh e diomhanas agus briste cridhe air gach aon toil-inntin shaoghalta, Ecles. i. 2. aolach agus calldach air gach ni oirdheirc air thalamh, Phil. iii. 7, 8. Is iad beath’ agus neo-bhas’orachd air am bheil e nis ann tì Rom. ii. 7. Tha e dian-shire’ gràis agus gloir, is ann tòir air a chrùn air nach tig smal, 1 Cor. ix. 25. Tha a chridhe leagt’ air DIA iarruidh, 1 Chron. xxii. 19. agus 2 Chron. xv. 15. Air tùs agus thar gach aon ni, tha e ’g iarrui’ rioghachd DHE agus fhireantachd-san; is cha’n ’eil diadhachd na shuilibh ni’s mò mar ni faoin, ach mar an ni is ro-chuidrimiche. Mat. vi. 33. Salm. xxvii. 4. A nis mata, dean stad beag, is seall an taobh astigh dhiot. Ciod ris am mo do ghnothach-sa na so? Nach ’eil thu gabhail os laimh gu buin thu do CHRIOSD ach nach ’eil thu toirt geill do’n t saoghal; Seadh nach ’eil thu gabhail tuille spèis agus tlachd san t saoghal na ann-san? Nach ’eil thu ga d’ mhothacha fein ni’s sunntaiche ’s ni’s toilichte nuair tha’n saoghal a’ dol leat mar do mhiann, is tu air do chuartacha le solasaibh talmhai’, na nuair a tha thu air dol a thaoibh gu urnaigh agus smuainte ’n [TD 46] diamhair, no gu feitheadh air DIA na fhocal agus na aora? Cha’n ’eil comhar’ air bith is cinntich’ air neach a bhi fathasd neo-iompaichte, na nithe ’n t saoghail a bhi ’n uachdar na thogra, na speis, agus na mheas, 1 Eoin. ii. 15. Sheum. iv. 4. An cridhe gach neach ata fior-iompaichte, ’s ann aig CRIOSD a tha ’n uachdranachd. Cia ionmhuin leis an neach sin ainm? Cia cubhrai’ leis a bhola? Caint. i. 3. Salm. xlv. 8. Tha ainm IOS’ air a ghearradh air a chridhe, Gal. iv. 19. ’s air a thasgai mar cheanglachan mirr (mar luibhean cubhrai’) na bhrollach, Caint. i. 13, 14. ’N a bheachd-san, cha’n ’eil an onoir ach aile, ’s cha’n ’eil an sùgradh ach cuthach; is thuit Mammon asios, cosail ri Dagon roimh’ an àirce, riabh o’n chaidh CRIOSD air mhodh slanteil a leige’ ris da. ’S e so a chlach phriseil do’n fhior iompachan, ’s e so ionmhus, ’s e so a dhochas, Mat. xiii. 44, 45. ’S e so a ghloir, “Is leamsa mo ghradh, agus is lesan mise,” Gal. vi. 14. Caint. ii. 16. O, ’s aoibhneiche lesan gur urr’ e ràdh, Is leamsa CRIOSD, na ge d’ fheudadh e ràdh, Is leamsa an rioghachd, Is leamsa na h Innsean. [TD 47] Sa cheathramh aite, tha sinn a’ pilleadh o’r fireantachd fein. Mu’n iompaichear duine, ’s i oidheirp e fein a chòdacha le dhuilleaga-sìge fein, Phil. iii. 6, 7. Gen. iii. 7. ’s a shlànacha le oibre fein, Mic. vi. 6, 7. Tha e ulla’ gu earbs’ a dheanadh as fein, Luc. xvi. 15. agus xviii. 9. gu fhireantachd fein a shèide suas, agus gu striochda do fhireantachd DHE, Rom. x. 3. Ach bheir iompacha dha mutha inntin; tha e ’nis a tilgeil air falbh fhireantachd fein mar bhroineig shalaich, Isai. lxiv. 6. A nis tha e bochd na spiorad; Mat. v. 3. ga dhìte ’s ga chasaid fein, Rom. vii. a’ faicinn gu soilleir gu bheil e “ainniseach agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd.” Taisb. iii. 17. Tha e faicinn saoghal do aingidheachd seadh na nithe naomha; tha e faicinn nach ’eil ach salchar na fhireantachd fein as an raibh e deana bun, is cha ghabhadh e os laimh arson mile saoghal a bhi air fhaotainn innte tuille, Phil. iii. 4, 7, 8, 9. Tha mheùr do ghnath air a leòn, Salm. li. 3. air a pheacaidh, air uireasuibh. Tha nis meas mor aig’ air fireantachd CHRIOSD: tha e faicinn an fhèum a th’ aig air CRIOSD anns gach aon dleasnas, araon [TD 48] chum a phearsa ’s a dheanadas fhireanacha. Cha’n urr’ e bhi beo as eugais; cha’n urr’ e urnaigh a dheanadh as eugais. Is eigin do CHRIOSD dol maille ris, ar neo cha’n urr’ e teachd an lathair DHIA: tha thaice ri laimh CHRIOSD, nuair a tha e ga striochda fein an tigh an Tighearna: tha e ga mheas fein mar dhuine caillt’ as eugais: tha a bheatha falaichte ’s a’ fàs ann an CRIOSD, mar fhreamh craoibhe tha faotainn beatha ’s daighneachaidh o’n talamh. Roimhe so, bu sgeul faoin fuar leis iomra mu CHRIOSD, ach a nis cia taitneach leis a chluinntin! Tha e nis a’ glaodhach, mar a rinn an fhianuis, “Uam gach ni ach CRIOSD.” An deigh fhaicinn co uaidh tha sinn a’ pille’, feuchai’ sinn a nis co ionnsuidh. 1. Ionnsuidh DHIA an Athar, a Mhic, is an Spioraid Naoimh. 2. Ionnsuidh lagh, ordui’ean, agus slighe CHRIOSD. Cha’n ’eil duin’ air bith do rireadh air a naomhacha gus am bi a chridhe air a shocruchadh air DIA thar gach ni, ’s an roighnich e esan mar a chuibhrionn agus ard-mhaith. Is iad na briathra so is cainnt do chridhe a chreid’ich; “Is tusa o DHIA [TD 49] mo chuibhrionn,” Salm. cxix. “Ni m’ anam uaill san TIGHEARNA.” Salm. xxxiv. 2. “’S ann uaithe-san a thig m’ fhurtachd; is e mhain mo charraig is mo shlainte, ’s e mo thearmunn daingean. Is ann an DIA tha mo shlainte ’s mo ghloir; is e carraig mo neart agus mo chathair dhidein.” Salm. lxii. 1, 2, 5—7. & xviii. 1, 2. An aill leat a chur ionnsui’ na deuchainn, am bheil no nach ’eil thu air t iompacha? Nis mata thuga t anam is gach ni tha ’n taobh astigh dhiot fainear: An do roighnich thu DIA arson do shonais agus t oighreachd? C’ ait a bheil toilinntin do chridhe ag co-sheasamh? Cia uaidh tha thu faotainn an t solais is mo? Thig mata, ’s le Abraham “tog asuas do shuil gu deas agus gu tuath, gus an ear agus gus an iar;” seall mu’n cuairt duit, ciod a b’ fhearr leat fhaotainn do na bheil air neamh no air thalamh a chum do dheana sona? Nam tuga DIA dhuit do roghainn mar a thug e do Sholamh, is gu’n abradh e riut, mar a thuirt Ahasuerus ri Ester, “Ciod a nis is aill leat, agus ciod i t ath-chuinge, ’s biaidh i air a deonacha dhuit?” Ester v. 3. Ciod a dh’ iarra tu? Imich gu gàrradh [TD 50] an t Solais, agus tionail gach luibh chubhraidh as sin; an deanadh iad so do thoileachadh? Imich gu tigh-storais Mhammoin, agus luchdaich thu fein co trom ’s a shanntaicheas tu as sin: Falbh cuideachd gu lùchairt na h onorach, is faigh urram agus cliu mar dhaoine mora na talmhainn: An deanadh aon diu so, no iad so uile do thoileacha, ’s a thoirt ort thu fein a mheas ad dhuine sona? Na’n deana, tha thu gu deimhin seolar fathasd agus neo-iompaichte. Ach mur deanadh, imich ni ’s faide; gabh sealla do bhuaidheanna oirdheirc DHIA; do shaibhreas a throcair, do mhorachd a chumhachd, agus do dhoimhne do-sgrùdaidh a natuir uile-fhoghainntich. An e so is fearr tha teachd air do cheairt, ’s is mo tha ga d’ thoileachadh? Am bheil thu ’g ràdh, “Is maith a bhi san aite so?” Mat. xvii. 4. Ann so togai’ mi mo phailliunn;” ann so gabhai’ mi gu brath cònuidh. Am fearr leat dealacha ris an t saoghal uile na ris so? Ma ’s seadh, tha chùis gu maith eidir thu fein agus DIA. Is sona thu, O dhuine, is sona thu gu raibh thu riabh air do bhreith: ma ’s urra DIA do dheana sona, sona cha’n fheud thu gun a bhith; oir dh’ aidich thu [TD 51] ’n TIGHEARN’ a bhi na DHIA dhuit, Deut. xxvi. 17. Am bheil thu ’g rà ri CRIOSD, mar thuirt esan ruinne, “Biaidh t athair-sa na athair dhomh-sa, ’s do DIA-sa na DHIA dhomh-sa.” Eoin xv. 17. So far am bheil an dealacha eidir an cealgair agus an creidèach. An cealgair cha ghabh am feasd a thàmh agus fhois ann DIA: cha lugha na gràs agus iompacha bheir air duine so a dheana, ’s a leighiseas truaighe an leagai’, leis a chridh’ a thionnda o iodhal-bhrèige dh’ ionnsuidh an DIA bheo, 1 Thess. i. 9. A nis a deir an t anam, “A THIGHEARNA, cia dh’ ionnsui’ theid mi? Agadsa tha briathra na beatha mairtheannaich,” Eoin vi. 68. Ann so socruichidh an t anam is gabhaidh e fois. O, cia mor aoibhneas ri faicinn a choir air DIA! Tra chi e so, tha e ’g rà, “Pill gu d’ shuaimhneas, O m’ anam, oir bhuin an TIGHEARNA riut gu ro-shaibhir,” Salm. cxvi. 7. Seadh tha e ulla’ gu seinn mar a rinn Simeon, “A Thighearna, ceaduich a nis do d’ shearbhant triall ann sith,” Luc. ii. 29. is ag rà le Iacob, nuair a dh’ ath-bheothaicheadh a chridhe aosda leis an sgeul ait a thainig g’a ionnsuidh, “Is leor e,” Gen. xlv. 28. Nuair [TD 52] a chi e gu bheil aige DIA ann an cumhnanta ri dol g’a ionnsuidh, “is e so uile shlainte, agus uile mhiann,” 2 Sam. xxiii. 5. A dhuine, an i so do staid-sa? Am bheil fiosrachadh agad air na nithe so? Ma tha, is beannuicht’ thu o’n TIGHEARNA:” bha DIA ’g oibreachadh annad; ghabh e greim air do chridhe le cumhachd grais an iompachaidh, air neo cha bhiodh a chùis mar so. Tha ’n duin’ iompaicht’ a’ pille’ gu IOSA CRIOSD, an t aon eidir-mheadhonair eidir DIA agus duine, 1 Tim. ii. 5. ’S i obair-san ar toirt a dh’ ionnsui’ DHIA, 1 Pead. iii. 18. Is e an t slighe dh’ ionnsuidh an Athar, Eoin xiv. 6. an aon dorus air am feud sinn dol asteach, Eoin x. 9. an aon mheadhon gu bhi beo, an aon rathad, an aon ainm air a thoirt fui na neamha, leis am feud sinn a bhi air ar sabhala, Gniomh. iv. 12. Cha’n ’eil sùil aig an duin’ iompaichte ri slainte o neach air bith ach esan na aonar, air am bheil e ga thilge’ fein le làn-earbsa, mar gu tilge’ duin’ e fein air a mhuir le lamhan sgaoilte. “Ann so, ars’ am peacach iompaichte, [TD 53] gabhai’ mise do mhisneich mi fein a thilge’, ’s ma theid mi am mugha, theid mi am mugha; ma bhàsaicheas mi, bàsaichidh mi san àite so.” Ach, a THIGHEARNA, na leig thusa dhomh bàsacha fui shùil íochdair do throcair.——Na h iarr orm t fhagail, no pilleadh o bhi d’ leantuinn,” Rut. i. 16. Ann so tilgidh mi mi-fein; ge d’ bhuail thu mi, ge d’ mharbh thu mi, cha charuich mi air falbh o d’ dhorus, Job xiii. 15. Mar so earbaidh an t anam truagh e fein ri CRIOSD, is leanaidh e ris gu dileas agus gu daingean. Mu ’n d’ iompaicheadh e bha CRIOSD suarach na shuilibh, is bha tuill’ air’ aig air fhearann, air a chairdean, agus air a mhalairt, na airsan, Mat. xxii. 5. Ach a nis tha CRIOSD mar a theachd-an-tir dha, nach feud e sheachna; mar aran lathail, is mar bheatha da anam agus da chridhe, Gal. ii. 20. ’S e a rùn suidhichte gu biodh CRIOSD air ardachadh ann, Phil. i. 20. Bha uair a thuirt a chridhe, cosail riu-san a dh’ fheoruich do’n bhean-nua phosda, “Ciod e do ghradhsa ni ’s mo na neach eile?” Gaint. v. 9. Bha tuille tlachd aige na chuideachd shùgaich, na chluiche chronail, agus na sho- [TD 54] las talmhai’, na bh’ aige ’n CRIOSD. Mheas e diadhachd mar ni falamh, agus a solas mar fhaoin-bhruadar. Ach a nis “’s e dhasan a bhi beo CRIOSD.” Tha e cur an neo-brigh gach ni air an raibh mor-mheas aige, “arson ro-oirdheirceis eolais CHRIOSD, Phil. iii. 8. Tha am fior iompachan a’ gabhail ris an iomlan do CHRIOSD: tha spèis aige cha’n e mhain do dhuais, ach mar an ceadna do obair CHRIOSD, Rom. vii. 12. cha’n e mhain do shochairibh, ach do uallach CHRIOSD mar an ceadna. Tha e toileach cha ’n e mhain an t arbhar a bhualadh, ach a chuing a tharruing cuideachd: tha e gabhail air fein aitheanta CHRIOSD; seadh, agus crann-ceùsai’ CHRIOSD maille riu, Mat. xi. 9. agus xvi. 24. An duine nach ’eil glan iompaichte cha’n aill leis ach pairt do CHRIOSD. Tha e toileach a bhi air a shabhala leis, ach cha’n aill leis a bhi air a naomhacha. Tha speis aige do shochairean, ach cha’n ’eil meas aig air pearsai’ CHRIOSD. Tha e mar gu b’ ann a roinn CHRIOSD; a’ roinn oiseagan agus a shochairean. Is failinn san steidh so; is mearachd ro-chunthartach e: Co sam bith [TD 55] le’n ionmhuinn anam, biodh e air fhaicill roimhe; is mearachd millteach e, mu ’n d’ fhuair sibh gu bitheanta rabha; ’s gidheadh tha e fathasd ro choitcheann. Tha IOSA na ainm taitneach, ach cha’n ’eil daoin’ a’ gradhachadh a’n Tighearna IOS’ ann trei’-dhireas,” Ephes. vi 24. Cha ghabh iad e mar tha DIA ga thairgse “gu bhi na Phrionnsadh agus na Shlanui’-ear,” Gniomh. v. 31. Tha iad a sgaoile’ nan nithe sin a chuir DIA cuideachd, oifige Righ agus Sagairt: seadh, cha ghabh iad slainte o CHRIOSD mar tha e ga tairgse; tha iad an so ga roinn o cheile. Is e guth gach duine iad a bhi air an tearnadh o fhulang, ach cha’n ’eil iad idir co dùrachdach a dh’ iarrui’ tearnaidh o pheacacha. Bu mhaith leo an anam a bhi sabhailt’, ach bu mhaith leo an an-mianna bhi sàsuichte cuideachd. Seadh, tha moran a’ deana roinn an so a rìs; tha iad toileach cuid d’ am peacaidh a threigsin, ach cha’n fhàg iad uchd Delilah, ’s cha toir iad dealacha dan leannan Herodias. Cha’n urr’ iad a bhi garg ri suil dheis no ri laimh dheis; is eigin do’n TIGHEARNA “maitheanas a thoirt doibh san ni so,” 2 Righ. v. 18. [TD 56] O bithibh an-bharra faicilleach sa chùis so; tha ur n anama ’n earbsa ris. An duine tha do rireadh iompaichte, tha e gabhail CHRIOSD gu h iomlan, mar a tha e, gun chur ris, a thoirt deth, no chumail air ais uaithe. Tha e toileach CRIOSD fhaotainn air a chumhnanta fein, seadh air chumhnanta sam bith. Tha e toileach CRIOSD ga riaghladh, co maith agus CRIOSD ga shabhaladh. Tha e ’g rà le Pol, “A Thighearna, ciod is aill leat mis’ a dheana?” Gniomh. ix. 6. ni sam bith, a Thighearna: tha mi ’g am chur fein ad bhuil, thoir dhomh aon chumhnant is aill leat, Gniomh ii. 37. agus xvi. 30. 2. Tha ’n duin’ iompaicht’ a’ pilleadh a dh’ ionnsui’ lagh, ordui’ean agus slighe CHRIOSD. An cridhe sin a bha aon uair fuathach mu na nithe so, ’s nach b’ urr’ an cuibhreach a ghiulan, tha nis an speis is mo aige dhiu, ’s tha e gan roighneacha chum a stiura gu bràth is a riaghla, Salm. cxix. 111, 112. Tha ceathair nithe, tha mi toirt fainear, a tha DIA ’g oibreachadh anns gach fior iompachan, a thaobh lagh agus slighe CHRIOSD, leis am feud sibh ur staid aith- [TD 57] neacha ma bhios sihh dileas do’r n anama fein; agus air an aobhar sin biodh ur fùil gu dil air ur cridhe, nuair a tha sibh gan leugha no gan eisdeachd. 1. “Tha ’n inntin a’ gabhail gu deonach ri lagh agus slighe CHRIOSD, is gam meas air gach doigh co-thromach agus reusanta,” Salm. cxix. 112, 128, 137, 138. Tha’n cridh’ a’ gabhail tlachd do shlighe DHIA, ’s le gràin a’ cur air cùl gach fuath bha aige dh’ i riomhe sin. Na briathra sin a bha cruaidh leis riomhe so, tha e nis gam meas “naomha, cothromach agus maith,” Rom. vii. 12. Cia mor an speis a bh’ aig Daibhi’ do lagh DHIA! ’s cia ait e cur an ceill a chliu, ’s ga mholadh, araon arson a natuir oirdheirc agus a thoraidh iongantaich! Salm. xix. 8,—10, &c. 2. “Tha ’n cridhe ’n geall air eolas fhaotainn air an iomlan do thoil CHRIOSD,” Salm. cxix. 124, 125, 169. agus xxv. 4, 5. Is e rùn an duin’ iompaichte gun aon pheaca bhi falaicht’ air, is gun bhi ain-eolach air aon dleasnas tha fiachuicht’ air. ’S i guidhe dhurachdach a chridhe, “A THIGHEARNA, mata slighe olc sam bith “annam, leig thusa ris domh i. An ni sin nach [TD 58] aithne dhomh, teagaisg thusa domh; ’s ma rinn mi aingidheachd, cha dean mi mar sin ni’s mò.”—An duine nach ’eil glan-iompaichte, tha e ain-eolach da dheoin; 2 Pead. iii. 5. cha’n ’eil toil aige teachd ionnsuidh an t soluis, Eoin iii. 20. Tha e toileach am peaca so no’m peac’ ud eil’ a ghleidhe, ’s air an aobhar sin cha’n ’eil tlachd aige fios fhaotainn gur peac’ a th’ann is cha’n fhosgail e ’n uinneag a leigeil astigh an t soluis. Ach tha’n cridhe iompaichte toileach eolas fhaotainn air an iomlan do lagh a THIGHEARNA, ciod air bhith fharsuingeachd, Salm. cxix. 18, 19, 27, 33, 64, 66, 68, 78, 108, 124. Gabhaidh e gu h uile-thoileach ris an fhacal a leigeas ris da aon dleasnas air nach raibh aire no eolas aige riomhe, no bheir sealla dha air aon pheaca nach raibh e roimhe ag leirsinn, Salm. cxix. 11. 3. “Tha rùn saor agus suidhichte na h intinn arn geall air slighe CHRIOSD, a roghainn air uile sholas a pheacaidh, agus air soirbheas an t saoghail,” Salm. cxix, 103, 127, 162. Cha’n airc no eigin idir a tha ’g aontachadh a thoile, ’s cha mhò is smuainte grad no obann a tha ga h athar- [TD 59] racha; ach le rùn suidhichte agus saor tha e gabhail slighe CHRIOSD mar a roghainn, Salm. xvii. 3. agus cxix. 30. Ni ’n fheoil, tha e fior, cuid ar-amach, ach biaidh an toil an cònuidh a’ miannacha lagh agus riaghailt CHRIOSD, air chor as nach ’eil na nithe so nan uallach dha idir, ach nan sòlas, 1 Eoin v. 3. Salm. cxix. 60, 70. Nuair a tha ’n duine mi-naomh a’ siubhal ann slighe CHRIOSD mar gu biodh e’n cuibhreachaibh no’n geimhlibh, tha esan ga dheana so gu reidh furasda, Salm. xl. 8. Ier. xxxi. 33. ’s a meas lagh CHRIOSD mar a shhaoirse, Salm. cxix. 32, 45. Sheum. i. 25. Tha e toilichte le maise na naomhachd, Salm. cx. 3. agus tha ’n comhara so aige do ghnà ann fein, “Gu b’ fhearr leis (nam faigheadh e a roghainn) an caithe-beatha bu tinne ’s bu naomha bhi aige, na bhi san inbh’ a b’airde ’s a b’ uarramaich’ air thalamh,” 1 Sam. x. 26. “Chaidh le Saul buidheann dhaoine, a bhean DIA r’an cridheachan.” Nuair a bheanas DIA ri cridheachan a dhaoine taghta, tha iad air ball a’ leantuinn CHRIOSD, Mat. iv. 22. agus (ge d’ tha iad air an tarruing) ruithidh iad gu h ait na dhiaigh, Caint. i. 4. is tairgidh iad gu toil- [TD 60] each iad fein gu seirbheis an TIGHEARNA, 2 Chron. xvii. 16. ga iarrui’ le’n uile mhiann, caib. xv. 15.—Tha fheum fein ann Eagal, ach cha’n e idir is priomh-aobhar do umhlachd a chridhe naomha. Cha’n ann a dh’ ain-deoin a tha CRIOSD a’ riaghladh a luchd-muinntir; ’s ann a tha e na Righ air pobul toileach. Tha iad trìd a ghràis-san uile-thoileach ionnsuidh a sheirbheis, agus ga deanadh o roghainn; cha’n ann mar thraillean, ach mar am mac no bhean, o ghradh agus o thogradh intinn. Ann aon fhacal, is e lagh DHIA gaol an duin’ iompaichte, Salm. cxix. 159, 163, 167. a mhiann, rann. 5, 20, 40. a shòlas, rann. 77, 92, 103, 111, 143. agus cuis a bhith-smuainte, rann. 97, 99. agus, Salm. i. 2. 4. “Tha aomadh a chridhe ’n cònuidh gu aitheanta DHIA a choimhead,” Salm. cxix. 4, 8, 167, 168. Is e cùram gach aon latha d’a bheatha gluasad maille ri DIA. Tha a rùn mor, agus oidheirp maith, ge d’ tha e teachd fada gairrid. Cha lugha na bhi foirfe tha air aire. ’S e so a tha e ’g iarrui’, ’s e so a tha e’ g oidheirpeacha. Cha ghabhadh e os laimh stad aig tomhas air bith do ghràs gun bhi glan-shaor do pheac- [TD 61] a, ’s coiliont ann an naomhachd, Phil. iii. 11, 14. An so feudar failinn a chealgair fhaicinn. Cha’n ’eil do dhèigh aige-san air naomhachd, mar thuirt aon araid, ach nam faigheadh e drochaid a dheana dh’i ga thoirt a dh’ ionnsuidh neamh; is cha’n ’eil e ’g iarrui’ dh’i ach direach uirread as a ni ghnothach. Ma gheibh e na dh’ fhoghnas ga thoirt do neamh, cha’n ’eil tuille uaithe. Ach esan a tha do rireadh iompaichte, tha spèis aige do naomhachd air a son fein, Salm. cxix. 97. Mat. v. 6. is cha’n ann amhain arson neamh. Cha leor leis uirread as a dh’ fhoghnas gu thearnadh o ifrinn; tha e ’g iarruidh an tomhais is airde tha na chomas ruigheachd air: is cha’n e mhain gu bheil e ga iarruidh so, ach tha e cuideachd ga shior-oidheirpeacha. Ciod i mata do shlighe-sa, ’s ciod an rathad a tha t aomadh? An i diadhachd t obair, an i naomhachd do ro-chùram? Rom. viii. 1. Mat. xxv. 16. Phil. i. 20. Mur i, tha thu fada gairrid air bhi fior-iompaichte. AN CO-CHUR. Agus an e ’n t iompacha so air an raibh sinn a labhairt e sin a’s eigin a bhi againn, mu’m feud sinn a bhi air ar [TD 62] sabhaladh? Ionnsuich mata uaithe so, 1. Gur “cughann an geata, ’s gur aileathan an t slighe tha treoracha dh’ ionnsuidh beatha.” 2. Nach ’eil iadsan ach tearc a tha ’g amas orra.” 3. Gu bheil feum air cumhachd diadhai chum peacach air bith iompachadh air mhodh slainteil a dh’ ionnsuidh IOSA CHRIOSD. Guidheam ort mata, co air bith thu tha ga leugha so, no ga eisdeachd, tionndai do shùil ort fein an taobh astigh. Ciod a deir do choguis? Nach ’eil i ga d’ theuma? Nach ’eil i ga d’ chràdh? An i so do bharail, an i so do roghainn, an i so do shlighe air an raibh sinn ag iomra? Ma ’s i, tha chùis ceart. Ach nach ’eil do chridhe ga d’ dhìte, ’s ag innse dhuit gu bheil a leithid so no leithid so do pheaca, ris a bheil thu cleachdta, ’n aghai’ do choguis? Nach ’eil e ’g innse dhuit gu bheil a leithid so ’s a leithid so do cheilg fhalaichte sa bheil thu cionntach? A leithid so no leithid so do dhleasnas air a bheil thu deana dearmaid. Nach ’eil do choguis ga d’ ghiulan gu d’ sheomar, gu d’ ionad uaigneach, agus ag innse dhuit cia tearc is faoin an sin urnaigh, leugha, agus fèin-cheasnacha? Nach ’eil i [TD 63] ga d’ ghiulan gu d’ theaghlach agus a feuchainn duit cia dearmadach thu ’n sin air earail DHIA, ’s air anama do chloinne ’s do sheirbhiseach? Nach ’eil i ga d’ tharruing gu d’ bhùth, gu d’ dhreuchd, is a’ feuchainn duit ann sin diomhaireachd aingidheachd eigin ris am bheil thu cleachdta? Nach ’eil i ga d’ ghiulan gu t ionada sùgrai, ’s a’ toirt a’ d’ chuimhe na cuideachd a bha thu gleidhe’; na h ùine bha thu struidheadh, is nan tàlantan a bha thu ag mi-bhuileacha? Nach ’eil i ga d’ tharruing gu d’ sheomar uaigneis, agus a’ leigeil fhaicinn duit nithe tha falaicht’ o shuilibh dhaoine, ’s aithnichte dhuit fein amhain agus do DHIA? O choguis! dean do dhleasnas. Ann ainm an DIA bheo, tha mi ’g àithne dhuit thu dheana do dhleasnais. Dean greim air a pheacach, glac e, cuir an sàs e, leig ris a chunthart da. Ciod! an e gu bi thu rèidh ris, no gu gabh thu leis am fad as a bhuanaicheas e na pheaca? Duisg, O choguis! Ciod is ciall duit, O chadalaiche? Ciod so! Am bheil thu gun aon achasan ad bheul? Ciod so! an leig thu do’n anam thruagh so bàsacha na neo-churam, gun suim do DHIA [TD 64] no do shiorruitheachd, is tusa, gun smid as do bheul, a’ fantuinn ad thosd? Ciod so! an leig thu dha sìth bhi aige ’s e dol air aghai’ na pheaca? O mosgail ort fein, eirigh, dean t obair! Labhair mar shearmonaiche na uchd, glaodh amach, na caomhainn: tog asuas do ghuth mar thrompaid: na biodh fuil an anama so air iarruidh air do laimhsa. CAIB. III. A feuchainn gur eigin IOMPACHA no bàsacha. THEAGA gu bheil thu ulla’ gu rà, ciod is ciall do’n iomairt so? ’s gu iongantas a gabhail c’ arson a tha mi ga d’ leantuinn co dùrachdach, a’ cumail fuaim na h aon chaithream so gun tàmh ad chluais, gu feum thu “aithreachas a ghabhail ’s a bhi air t iompacha,” Gniomh. iii. 19. Ach is eigin domh a rà ruit mar a thuirt Rùth ri Naomi, “Na h iarr orm t fhagail, no pilleadh o bhi ga d’ leantuinn,” Rut. i. 16. Nam bu ghnothach faoin a bhiodh air m’ aire, cha bhithinn co dùrachdach. Nam feuda tu bhi air do shabhala mar a tha thu leiginn leat gu toileach. Ach am b’ aill leat gun iomguin a bhi orm, nuair a tha mi [TD 65] ga d’ fhaicinn ulla’ gu basacha? Mar is beo ’n DIA sin a tha mise na fhianuis, cha’n ’eil an dòchas is lugha agam aon aghaidh agaibh fhaicinn gu bràth ann neamh, mur bi sibh air ur n iompacha. Tha mi gu tur a’ call mo dhùil ri’r slainte, ni’s lugha na ghabhas sibh os laimh pille’ gu h iomlan, agus sibh fein a làn-thoirt suas do DHIA, ann naomhachd agus ann nuadhachd beatha. An dubhairt DIA “gu deimhin deimhin mur bi sibh air ur breith a rìs, cha’n fheud sibh rioghachd DHE fhaicinn,” Eoin. iii. 3. is an ioghna leibh na dheigh sin gu bheil ur ministeirean ri saothair ach gus am beirthear sibh? Na biodh iongantas oirbh mis’ a bhi’ sparra naomhachd oirbh co teann, no mi bhi co toileach iomhaigh DHE fhaicinn air a tarruing oirbh: as eugais so, riabh cha deachaidh, is gu bràth cha d’ theid aon neach astigh do rioghachd neimh. An t iompacha sin air an raibh sin ag iomra, cha tomhas ard e air a bheil cuid do Chriosdui’ean is naomha na cheil’ a’ ruigheachd: cha’n eadh, gach aon anam a bhios air a shabhala, ’s eigin da bhi gu h iomlan air atharrachadh air an dòigh so. Tha air innse’ mu thiomchioll Romanaich [TD 66] oirdheirc nuair a bha e greasad le gràn do’n bhaile re am gort, is a bha ’n sgioba leasg gu seola re doininn, gu dubhairt e. “Is feumaladh ar turas na ar beatha.”—Ciod an ni a shaoileas tus’ is feumala? Am bheil t aran feumail. Am bheil do bheatha feumail? Is mor is feumala na sin t iompacha. ’S e so gun amharus an aon ni feumail. An coimeas ris so, cha’n ’eil do mhaoin feumail; feudai’ tu a reic uile arson na cloiche ro-phriseil so, ’s buannachd mhor a bhi agad na dheigh sin, Mat. xiii. 46. Cha’n ’eil do bheatha feumail; feudai’ tu dealacha ri arson CHRIOSD, is buannachd an-bharr a bhi agad cuideachd. Cha’n ’eil do chliu feumail; oir feudai’ tu mi-chliu fhaotainn arson CHRIOSD, is gidheadh a bhi sona; seadh moran ni’s sona na bhiodh tu as eaguis, 1 Pead. iv. 14. Mat. v. 10, 11. Ach tha t iompacha co feumail as gu bheil do shlainte no do dhamna siorrui’ an crocha ris. Is nach ’eil e ro-iomchuidh ann an cùis co chuidreamach grad shealltuinn mu’n cuairt duit. Ris an aon ni so, tha do shonas no do thruaighe fad uile shiorruitheachd ann earbsa. Ach feuchai’ mi ni’s mionaidiche co [TD 67] feumail is a tha e dhuit iompachadh, o na cuig nithe so leanas; oir as eugais so, sa cheud aite, “Tha do bhith an diomhanas.” Nach mor am beud thu bhi gun fheum air bith annad; a’ t uallach air an talamh; a d’ mhi-mhaise sa chruthacha? Gidheadh is i so do staid gu bràth gus an iompaichear thu, oir gus sin cha fhreagair thu chrioch gus an deachai’ do chruthacha. Nach ann air son toil DIA a tha thu, ’s a bha thu air do chruthacha? Taisb. iv. 11. Nach d’ rinn e air a shon fein thu? Seanr. xvi. 4. An duin’ thu, ’s am bheil reusan agad? Nach smuainich thu mata co uaith’ agus c’ arson a fhuair thu do bhith. Amhairc air an dealbh a thug DIA do d’ chorp, agus feoruich dhiot fein, ciod a chrioch mu’n do chruthaich DIA ni co iongantach? Thoir fainear ceatfaidh oirdheirc agus arda t anama: ciod an t aobhar mu’n do bhuilich DIA ort talanta co prìseil? An ann a chum thu fein a thoileacha, ’s t an-mianna fhàsucha? ’N do chuir DIA daoine, cosail ri golain-ghaoithe, dh’ ionnsuidh an t saoghail, gun ghnothach air bith ach a thional beagan do bhiorainn is do chrè, a thogail an neadan, a dh’ àrach an sliochd, agus [TD 68] an sin a bhi g imeachd? Bha na cinnich fein a’ faicinn ni b’ fhaide na so. Am bheil thusa co “uabhasach agus co miorbhuilleach air do dhealbh,” Salm. cxxxix. 14. is nach ’eil thu smuaineachadh agad fein, gu cinnteach gur ann arson crìch’ aird agus oirdheirc eigin a chaidh do chruthacha? O dhuine! cuir do reusan car tiota sa chathair. Nach mor am beùd gu biodh creatuir co oirdheirc air a chruthacha ’n diomhanas? Gu deimhin mur freagair thu chrioch gus an deachai’ do chruthacha tha do bhith ann diomhanas, feadh ni’s measa na bhi ’n diomhain. 1. Tha do bhith ann diomhanas. Tha duine neo iompaichte cosail ri inneal-ciuil grinn aig a bheil gach aon da theuda briste, ’s as an gleus: is eigin do Spiorad an DE bheo gach ni leasacha ’s a ghleusa le cumhachd na h ath-ghineamhuinn, is le oibreachadh a ghrais, air neo cha bhi ann a d’ urnaigh ach donnalaich, is cha bhi seirbheis no moladh air bith a bheir thu seachad binn an cluasan an Ti is airde, Ephes. ii, 10. Phil. ii. 13. Hos. vii. 14. Isai. i. 15. Tha gach aon do d’ cheatfaidh agus do d’ chumhachdan co truailli’ na’n staid naturra, ’s nach [TD 69] urr’ thu seirbheis thaitneach a thoirt do’n DIA bheo gu bràth, gus am bi thu air do ghlanadh o oibre marbha. Eabh. ix. 14. Titus i. 15. An duine tha mi-naomhaichte cha’n ’eil e comasach air seirbheis a thoirt do DHIA: (1.) Cha’n ’eil eolas aig’ air an obair; tha e co ain-eolach air seirbheis as a tha e air facal na fireantachd, Eabh. v. 13. Tha cuid dhiomhaireachd ann an cleachdainn co maith as ann an teagasg na diadhachd: a ris cha’n aithne dhoibhsan nach ’eil air an ath-ghintein diomhaireachd rioghachd neimh, Mat. xiii. 11. 1 Tim. iii. 16. An leugh an duine nach d’ ionnsuich riabh littir; no’n cluich esan aig nach raibh clar-ciuil na laimh riabh fathasd? Cha mho na sin is urra ’n duine naturra seirbheis thaitneach sam bith a thoirt do’n TIGHEARNA. Is eigin da ’n toiseach a bhi air a theagasg o DHIA, Eoin. vi. 45. air a theagasg gu urnaigh, Luc. xi. 1. air a theagasg gu buannachd, Isai. xlviii. 17. air a theagasg gu imeachd, Hos. xi. 3. air neo cha’n aithne dha ni air bith dhiu so a dheana gu ceart no gu taitneach. Is mar a tha e gun eolas arson na h oibre, tha e cuideachd (2.) gun neart air a son. Cia [TD 70] lag a chridhe! Esec. xvi. 30, Air ball tha e sgìth: “an t sàbaide, cia tuirseach i?” Mal. i. 13. Tha e “gun neart,” Rom. v. 6. seadh marbh ann am peaca, Ephes. ii. 5. ’S mar a tha e ain-eolach agus ea-comasach air an obair so, is amhlui’ cuideachd a tha e (3.) gun togradh air bith aige ga h ionnsui’. “Cha’n ’eil iarruidh aige eolas fhaotainn air slighe DHIA,” Iob. xxi. 14. Cha’n ’eil eolas aig’ orra, ’s cha’n ’eil spèis aige dhith, no toil eolas fhaotainn orra, Salm. lxxxii. 5. (4.) Cha’n ’eil innleachd no ionstrumeint iomchuidh aig’ arson na h oibre. ’S co fhuras do dhuine clach chruaidh a shnaighe’ gun acuinn, no tigh a thogail gun chungaidh, as seirbheis thaitneach air bith a dheanadh as eugais gràsan an Spioraid. Ma’s ann arson cliu dhaoine no faoin-ghloir a bheir sinn seachad dèirce, cha’n ’eil ar seirbheis taitneach le DIA, oir cha’n ann o grà dhasan a tha i sruthadh. Agus ciod a th’ ann an urnaigh a bheoil, gun ghràs ann sa chridhe, ach colann anns nach ’eil anam? Ciod am feum a th’ ann an aidmheil ar peacai’ mur ann o bhròn diadhaidh agus o aithreachas neo-chealgach a tha i teachd? Ciod am feum a tha nar n uile ath-chuinge, mur ’eil [TD 71] iad air am beothacha le dùrachd naomh, is a’ sruthadh o bheo-chreideimh ann am buaidheanna ’s ann an geallana DHIA? No ciod am feum a tha nar moladh agus nar buidheachas, mur ’eil e teachd o ghradh is o thaing do DHIA, ’s o’n fhior-mhothacha th’ aig ar cridhe air a thiolaca ’s air a throcair? Air chor as gu bu co mhaith dhuit suil a bhi agad ri cainnt o na clachan, reusan o na brùidean, no coiseachd o na mairbh, as sùil a bhi agad ri seirbheis air bith naomh agus thaitneach do DHIA o dhuine neo-iompaichte. Nuair ata chraobh olc, cionnus a dh’ fheudas am meas a bhi maith? Mat. vii. 18. 2. Gun iompacha, tha do bhith ni’s measa na bhi ’n diomhanas. Tha ’n t anam neo-iompaichte na aite-cumail no na chrò aig na h uil’ eùn neo-ghlan, Taisb. xviii. 2. na uaigh lan do thruaill’eachd agus do shalchar, Mat. xxiii. 27. na chairbhinn ghràineil, air ghluasad le cnuimhibh, is air lòbha le sámh breun gus nach feudar teachd am fagus, Salm. xiv. 3. O staid uabhasach! Nach ’eil thu fathasd a’ faicinn t fheum air atharracha? Nach cuireadh e mulad air duine na naomh-shoithichean òir a bha ’n [TD 72] teampul DHIA fhaicinn air an tionnda gu cupain mhisge, ’s air an salacha le iodhal-aoradh? Dan. v. 2, 3. An raibh e na ni gràineil leis na h Iudhaich a bhi faicinn Antiochuis a’ cur asuas dealbh muic’ aig dorus an teampuil? Nach mor bu ghraineala na sin an teampul fein a bhi air a dheana na stàpull no na fhail-mhuc, is an t Ionad ro-naomh air a dheana na theampul do Bhaal? 2 Righ. x. 27. Is i so direach staid an duine neo-iompaichte: tha do bhuill uil’ air an tionnda gu bhi nan seirbheisich do aingidheachd, Rom. vi. 19. nan seirbheisich do’n Aibhisteir; agus do chridhe na chrò neo-ghlaine, Ephes. ii. 2. Titus i. 15. Feudaidh tu fhaicinn ciod a tha sa chridhe, o na nithe tha teachd amach as; oir “as a chridhe thig droch smuainte, mortadh, adhaltrus, striopachas, gaduigheachd, fianuis-bhreige, blaispheime,” &c. tha iad so a’ leigeil fhaicinn ciod an ifrinn a tha ’n taobh astigh. Cia maslach am mi-ghnathacha so! anam neamhai’ ga aoirneagan an clàbar a pheacai’! mais’ a chruthachai’, triath an t saoghail ag imlich a mhuc-amair maille ris an struidheir, agus ag òl asuas gu lonach an [TD 73] sgeith a’s gràineala! An raibh e na ni co muladach a mhuinntir aig an raibh caithe-beatha sàsda fhaicinn falamh anns na sràidean; agus mic mhaiseach Shioin, a bha mar òr fìnealt, air am meas mar shoithiche criadha, ’s iadsan a bha air an sgeadacha le scarlaid nan sìne’ san òtrach! Tuir. v. 2, 3. is nach muladaiche gu mor na sin a bhi faicinn an aon ni san t saoghal so aig a bheil neo-bhas’orachd, agus air a bheil iomhaigh DHE, air fas “mar shoitheach anns nach ’eil mais’ air bith?” Ier. xxii. 28. O masla gun choimeas! b’ fhearr thu bhi air do thoirt ad mhile bloidean as a cheile na gu buanaiche tu ann an seirbheis co salach. San dara h aite, “As eugais iompachai’ tha ’n cruthacha faicsinneach uile, co maith ris an duine fein, ann diomhain.” A mhuinntir ghradhach, rinn DIA gach creatuir faicsinneach air neamh agus talamh arson seirbheis an duine, agus is e’n duin’ amhain am fear-labhairt arson an iomlain. Tha ’n duine sa chruthacha mar a tha ’n teanga sa cholainn, a chum labhairt arson nam ball eil’ air fad. Cha’n urra na creatuirean eile cliu thoirt d’an Cruthai’ ear, ach le comharan balbha ’s le sanas a thoirt do’n [TD 74] duine esan a labhairt air an son. Tha ’n duine mar gu b’ ann na ard-shagart ann an cruthacha DHIA, chum iobairt mholaidh a thoirt suas arson an iomlain da’ cho-chreatuirean, Salm. cxlvii. 148, 150. Tha sùil aig DIA ri cìs mholaidh o’n iomlan d’a oibridh, Salm. ciii. 22. a nis tha chuid eil’ air fad a’ toirt an cìs do’n duine, chum a phaighe’ le laimhsan: is ma bhios esan fealltach no mi-dhileas, tha e deana foill air DIA ’s air a chruthacha, ’s a’ robadh a Chruthai’ir do’n ghloir bu chubhai’ dha fhaotainn o’n chreatuir. O cia eagalach an smuainte so? gu toga DIA a leithid so do shaoghal, is gu cosdadh e uiread chumhachd agus ghliocais agus mhaitheis ris, uile ’n diomhain, is gu deanadh an duine a spuìleadh do’n ghloir a bhuine’ dha fhaotainn o’n iomlan. O smuainich air so! am feadh a tha thu neo-iompaichte, tha uile sheirbheis nan creatuirean dhuit ann diomhain; tha do lòn ga d’ bheathacha ’n diomhain, tha ghrian a’ toirt a soluis duit ann diomhain, tha na reultan a tha toirt seirbheis dhiomhair dhuit nan slighe, Breith. v. 20. Hos. ii. 21, 22. ga dheana sin ann diomhain: ann diomhain [TD 75] tha t ainmhidh ga d’ ghiulan. Ann aon fhacal, tha uile shaothair agus uil’ obair a chruthachai’, ga d’ thaobhsa, ann an diomhain. Arson so tha ’n cruthachadh uile ’g osnaich, Rom. viii. 22. fui chuing dhaoine mi-naomhaichte, nach ’eil gam buileachadh air gloir DHIA, ach air an an-mianna fein. San treas àite, “As eugais iompachai’ tha do dhiadhachd diomhain.” Sheum. i. 26. Caillidh tu do shaothair ann a d’ oibre cràbhuidh air fad, oir cha’n urr’ iad DIA thoileacha, Rom. viii. 8. no t anam a shabhaladh, 1 Cor. xiii 2, 3. a chrioch bu choir a bhi aig do dhiadhachd. Cia maith air bith aogas t oibre, gidheadh cha’n ’eil tlachd aig DIA innte, Isai. 1. 14. Mal. 1. 10. ’S nach eagalach an ni t iobairt a bhi mar mhurt, agus t urnaigh mar ghràinealachd? Isai. lxvi. 3. Seanr. xxviii. 9. Tha moran a’ cur rompa leasacha, nuair tha iad fu eagal arson am peacai’, ’s a’ saoilsinn gu dean beagan urnaigh agus deirce gach ni chur ceart agus a leigheas. Och! a dhaoine, cha ghabh DIA ri aon diu’ so am fad as a bhios ur cridheacha mi-naomha. Nach bu chùramach saoithreachail Iehu? ’s gidheadh chuireadh a sheirbheis air fad air cùl, a [TD 76] chionn nach raibh a chridhe treibh-dhireach, 2 Righ. x. le Hos. 1. 4. Nach bu neo-choireach Pol? is gidheadh gus an deachaidh iompacha, cha raibh anns gach ni ach calldach, Phil. iii. 6, 7. Tha daoine ’m barail gu bheil iad ri moran, nuair a tha iad a’ frithealadh air seirbheis DHIA, ’s tha iad ulla’ gu mhaoidh air, Isai. lviii. 3. Mat. vii. 22. is gu mheas gu bheil e ’m fiacha dhoibh, nuair is ann a tha ’n seirbheis gràineil leis, a chionn nach ’eil am pearsa naomhaichte. O anaim! na smuainich tra bhios do pheacai’ ’n tòir ort; gu dean beagan urnaighean agus caileigin do leasacha DIA thoileacha, ’s eigin duit toiseachadh aig a chridhe; mur bi sin air ath-nuadhacha, cha bhi seirbheis air bith a ni thu taitneach. Is iad cuid do na breitheanais aimseireil a bhagair DIA ’n aghai’ nan Iudhach, gu togadh iad tighean, ach nach àiticheadh iad ’ad; gu cuireadh iad, ach nach buaineadh iad; is gu biodh an saothair air ithe’ suas le coigrich, Deut. xxviii. 30, 38, 39, 41. Am bheil e na thruaighe mhor ar saothair chumant’ a chall; cur an diomhain, ’s togail ann diomhain? is nach mor is truaighe na sin ar saothair a chall nar crabhadh; urnaigh, [TD 77] eisdeachd agus trasg a dheana ’n diomhain? Is truaighe agus call siorruith so. Na meall thu fein; ma theid thu air t aghaidh ann ad staid pheacaich, ge do sgaoile’ tu mach do lamhan, falachai’ DIA uait a shuilean; is ge do dhean thu iomad urnaigh cha’n eisd e riut, Isai. i. 15. Ma theid duine gu’n sgil an cinnseal ar n oibre, ’s gu mill e i, cha toir sinn ach beag buidheachais da arson a shaoithreach. Is aill le DIA aoradh fhaotainn mar is còir, 1 Chron. xv. 13. Mu ni seirbheiseach ar n obair direach ann aghaidh ar n orduigh, is dòch’ e dh’ fhaotainn buillean na buidheachais. Ni’s lugha na bhios obair DHIA air a deana mar tha e fein ag iarrui’, cha bhi e toilichte: ’s cha’n fheud i bhi air a deana mar tha esan ag iarrui’, mur ’eil i sruthadh o naomh chridhe, 2 Chron. xxv. 2. Sa cheathramh aite, “Gun iompacha, tha do dhocas ann diomhain.” Iob. viii. 12, 13. “Chuir an TIGHEARNA cùl ri d’ mhuinighin,” Ier. ii. 37. 1. “Tha do dhochas ri sòlas no co-fhurtachd an t saoghail so an diomhain.” Gun bhi air t iompacha cha’n fheud thu co-fhurtachd fhaotainn ni’s mò na slainte. Gun so cha bhi sìth agad, Isai. lix. 8. agus [TD 78] lvii. 21. ’s gun eagal DIA cha bhi “co-fhurtachd an Spioraid naoimh agad,” Gniomh. ix. 31. Tha DIA ag labhairt sìth amhain ri phobul naomha, Salm. lxxxv. 8. Ma tha sìth mhealltach agad, ’s tu fathasd ad pheacai’, cha’n ann o DHIA tha ’n t sìth sin a’ teachd; is air an aobhar sin feudai’ tu bharalacha co ’s ùghdar dh’ i. Is fior thinneas am peaca, Isai. i. 5. seadh an tinneas is meas’ air bith; tha e na loibhre sa cheann, Levit. xiii. 44. na phlàigh sa chridhe, 1 Righ. viii. 38. na bhriste sna cnàmhan; Salm. li. 8. guinidh e, lotaidh e, cràdhaidh e, claoidhidh e, 1 Tim. vi. 10. Feudai duine sùil a bhi aige ri fois ann iarguin tinneis, agus nuair a bhios a chnàmhan as an alt, ni’s luaithe na ri co-fhurtachd gus an treig e pheacaidh. O dhuine thruaigh! aig nach ’eil fois air bith ach na thig o chion mothachai nuair is mo do chunthart, agus is dluithe do’n bhàs thu. Tha thu cosail risan a their an eatromas fhia’ruis, Tha mi gu maith; ’s a labhras air eirigh agus dol mu thiomchiol oibre, nuair a chi thu ’m bàs na eudann, ’s a tha bheatha ionnus air caochla cheana. Mar so, gu bitheanta saoilidh an duine neo-iom- [TD 79] paichte gu bheil e slàn an uair is mo a chunthart. Is e natur a pheacai’ tinneis agus trioblaidean eug-samhluidh a dhusga feadh an anama. Tha inntin mhi-thoilicht’ a pheacaich ga bhuaire’ le doininn; agus tha curam an-bharr ga chnàmh is ga ithe’! Ciod a th’ ann an an-miann’ ach lasair a loisgeas? Ciod a th’ ann an ardan ach at; ’s an’ sannt, ach pagha nach gabh casga? Ciod a th’ ann am farmad is am mi-run, ach gath no cnuimh sa chridhe? ’S ciod a th’ ann an leisg spioradail is ann neo-churam mu staid ar n anama, ach cadal bas’or agus trommalighe? ’S cionnus a dh’ fheudas suaimhneas no sìth bhi aig aon anam air am bheil an leithide so do thinneis? Ach bheir gràs an iompachai’ leigheas agus fois da; bheir e dha sith chinnteach agus bhith-bhuan. “Is mor sìth na muinntir aig a bheil spèis do t aitheanta; cha toir ni sam bith oilbheum dhoibh-san.” Salm. cxix. 165. ’Si slighe na diadhachd amhain anns am faighear sìth agus solas, Seanr. iii. 17. Uaithe so bha Daibhidh a’ faotainn barrachd solais na o gach ni eile na rioghachd, Salm. cxix. 103, 127. Gu brath gus am bi a choguis air a [TD 80] glana, cha’n fheud sìth bhi aice, Eabh. x. 22. Is malluicht’ an t sìth sin a tha r’a faotainn ann slighe peacai’, Deut. xxix. 19, 20. Cha’n ’eil trioblaid ann san t saoghal is eagalaiche na aon chuid, Sìth ris a pheaca, ni Sìth ann sa pheaca. 2. “Gun iompacha, tha do dhochas ri slainte shiorruith diomhain, seadh ni’s measa na diomhain;” tha e cronail do DHIA, agus sgriosach dhuit fein. Tha bas, an-dochas, blaispheim, air am filleadh asteach ann. (1.) Tha bàs ann: “spìonar do dhochas as do phailliunn,” (spionaidh DIA as a fhreamhan e) “’s bheir e thairis gu Righ nan uabhas thu,” Iob. xviii. 14. Feudai tu do thaic a leige’ ris an tigh so, ach cha seas e, Iob viii. 13. tuitidh e air do cheann, mar shean bhalla nuair a leigeas duin’ a thaic ris. (2.) Tha an-dochas ann: “Càit’ a bheil dochas a chealgoir, nuair a bhuineas DIA air falbh anam?” Iob xxvii. 8. an sin tha crioch gu bràth air a dhochas. Cia ea-cosail e ri dochas an fhirein, a chriochnaicheas ann lua’ghàire? Seanr. x. 28. Nuair a their am firean ri uair a bhais “Tha gach ni criochnaichte:” ’s e ’s eigin do’n aingidh a rà, “Tha gach ni caillte.” [TD 81] Feudaidh esan a rà do rireadh, mar a thuirt Iob am mearachd, “Càit’ a nis a bheil mo dhochas? Rinn e gu tur mo sgrios; dh’ fhalbh mi; ’s tha mo dhochas mar chraoibh a chaidh a ghearra,” Iob xix. 10. “Tha dochas aig an fhirein na bhàs,” Seanr. xiv. 32. Nuair tha cholann is a chàil a’ basacha, tha dhochas a’ beothacha: oir is dochas beo a dhochas-san, 1 Pead. i. 3. ach is dochas millteach dochas an fhir eile. “Nuair a bhàsaicheas an t aingidh, bàsaichidh a dhochas,” Seanr. xi. 7. Gearrar air falbh e cosail ri lionan faoin an dubhain alluidh, Iob viii. 14. agus cosail ri duine toirt suas an deò, failnichidh e, Iob xi. 20. O cia truagh, thar na h uile dhaoine, iadsan aig nach ’eil dochas ach sa bheatha so amhain! 1 Cor. xv. 19. (3.) Tha blaispheim san dochas so. Ma tha duil againn a bhi air ar sabhaladh as eugais iompachai, tha duil againn gu dean sinn DIA breugach. Dh’ innis e dhuit O pheacaich, trocaireach mar tha e, nach dean e gu bràth do shabhala ma theid thu air t aghaidh ann a taingidheachd, Isai. xxvii. 11. 1 Cor. vi. 9. Ann aon fhacal, dh’ innis e dhuit nach dean ni sam bith do ghnothach ni’s lugha na “fas [TD 82] ad nua-chreatuir,” Gal. vi. 15. ’S nach dàna, seadh nach cuthaich dhuit a shaoilsinn “Nach dean DIA mar tha e ’g rà?” Cha’n fheud sinn buaidhean DHIA chur an’aghaidh a cheile. Gloraichi’ DIA a throcair, ach cha mhasluich e fhirinn; mar a mhothaicheas am peacach dàna gu dhorainn shiorruith, ma theid e air aghaidh. Ach an so their cuid‘ “Tha sinn a’ cur ar dochais ann DIA, ’s a’ deanadh earbs’ a’ IOSA CRIOSD, agus air an aobhar sin tha fiughair againn a bhi air ar sabhala.” Freagra 1. “Cho’n earbs’ ann an CRIOSD so idir, ach earbs’ an’ aghai’ CHRIOSD.”—Earbsa bhi agad rioghachd DHIA fhaicinn gun a bhi air t ath-ghintein; agus amas air a bheatha mhairtheannaich san t slighe fharsuing; ciod so ach earbs’ a bhi agad gur fàidh-brèige CRIOSD? Is iad briathra Dhaibhi,’ “Tha mo dhochas ann a t fhacal,” Salm. cxix. 81. ach ’s ann tha do dhochas-sa ’n aghaidh an fhacail. Feuch dhomh aon fhacal o CHRIOSD arson do dhochais, gu sabhail e thu ann a t ain-eolas, a t aingheachd, no ad neo-churam, is gu brath cha ghluais mise do dhochas. 2. “Tha DIA le gràin a’ cur air cùl a [TD 83] leithid so do dhochas.” A mhuinntir sin a th’air an dìte’ leis an fhaidhe, ’s a chaidh air an aghaidh nam peaca, tha air a rà “gidheadh gu leigeadh iad an taice ris an TIGHEARNA,” Mic. iii. 11. Ach cha’n fhuiling DIA bhi mar so na phrop do dhaoine peacach. Na peacaich dhàna sin a bha dol air an aghai nan aingidheachd, is gidheadh a’ deanadh earbs’ a DIA Israel, Isai. xlviii. 1. 2. thilg an TIGHEARNA uaithe iad, mar a chrathas duin’ air falbh na dreasan a leanas r’a eudach. 3. “Ma tha feum air bith ann a d’ dhochas, glanaidh e thu o d’ pheacaidh;” 1 Eoin iii. 3. ach is dochas malluicht’ e sin a bheir misneach do neach air bith buanacha na aingidheachd. Ceist. Am b’ aill leat sinn a thuiteam ann an-dochas. Freagra. Na biodh dochas gu brath agaibh dol do neamh mar a tha sibh, ann an staid neo-iompaichte, Gniomh. ii. 37. Na biodh dochas agaibh gu brath gnuis DHIA fhaicinn as eugais naomhachd. Ach na cuiribh uaibh air chor air bith ur dochas ri trocair, ma dh’ iompaicheas sibh is ma ni sibh aithreachas; is ni mò dh’ fheudas sibh bhi gun [TD 84] dochas gu ruig sibh air iompacha ’s air aithreachas ma ghnathaicheas sibh na meadhona mar tha DIA ’g iarruidh. Sa chuigeadh aite. “As eugais iompachai’, tha gach ni rinn is a dh’ fhuiling DIA ann diomhain dhuitsa,” Eoin xiii. 8. Titus ii. 14. Cha diong e bheag air bith a chum do shabhala. Tha moran a thagras so mar reusan arson an dochais, “gu d’ fhuair CRIOSD bàs arson pheacach.” Ach cuimhnich thusa nach d’ fhuair CRIOSD riabh bas a shabhala nam peacach sin a bhuanaicheas mar a tha iad gun iompacha gun aithreachas, 2 Tim. ii. 19. ’S iad da cheist a bha Diadhair araid cleachdta ri fheoruich na cheasnacha diamhair. 1. Ciod a rinn CRIOSD air do shon? agus 2. Ciod a rinn CRIOSD annad? As eugais oibreachai ’n spioraid gar n ath-ghineamhuin, cha’n fheud pairt air bith a bhi againn do shochaire na saoirse. Tha mi’ g innse’ dhuibh o’n TIGHEARNA, nach urra CRIOSD fein ur sabhala ni’s lugha na ghabhas sibh os laimh bhi air ur n iompacha. Oir, 1. “Bhiodh so ann aghai’ na h earbs’ a th’ aig an Athair ann.” ’S e ’n t eidir-mheadhonair seirbhiseach an Athar, Isai. [TD 85] xlii. 1. ’s ann uaithe tha ughdarus aige, ’s ann na ainm a tha e ’g oibreachadh, agus a reir iartais a tha e ag fireanacha, Eoin x. 18, 36. agus vi. 38, 40. “Dh’ earb DIA risan na h uile nithe,” dh’ earb e ghloir fein ris agus slainte nan daoine taghta, Mat. xi. 27. Eoin xvii. 2. Do reir so, tha CRIOSD, mu’m bheil e fagail an t saoghail, a’ toirt cunntais da Athair ann san da chuid so do’n obair a chaidh earbsa ris, Eoin xviii. 4, 6, 12. A nis mhasluicheadh CRIOSD gloir Athar, an ni sonraichte sin a chaidh earbsa ris, na’n deanadh e daoin’ a shabhala ’n am peacaidh; oir bhiodh so ann aghai’ gach cuid da rùn, is ann aghai’ gach aon da bhuaidhean. (1.) Bhiodh e ’n aghaidh a rùin; oir is e so a rùn gu biodh daoin air an toirt “a chum slainte trid naomhachai,” 2 Tess. ii. 13. “Thagh e daoine chum as gu biodh iad naomha,” Ephes. i. 4. Tha iad air an tagha chum maitheanais agus beatha, trid naomhachai, 1 Pead. i. 2. Ma’s urra thusa mata rùn siorruith agus comhairle neo-chaochlaideach DHIA atharracha, no ma ’s urr’ thu thoirt airsan, a sheùlaich an t Athair brìb a ghabhail, is an ni sin a dhean- [TD 86] adh a tha ’n aghaidh ughdarais, ann sin, is cha mhò na ’n sin, a dh’ fheudas suil a bhi agadsa ri dol do neamh san staid a bheil thu. Dochas a bhi agad gu sabhail CRIOSD thu gun bhi air t iompacha, ciod sin ach dochas a bhi agad gu bi CRIOSD neo-dhileas da Athair ann sa ghnothach mhor sin a dh’ earb e ris? Cha d’ rinn is cha dean e aon anam a shabhaladh, ach iadsan a thug DIA dha le h iompacha agus le naomacha, Eoin vi. 35, 37. Na meall thu fein mata le shaoilsinn gu sabhail CRIOSD thu air sheol a bhios ann aghai toil athar, rann 38. (2.) Bhiodh so ann aghai gach aon da bhuaidhean. Bhiodh e, ann toiseach, “ann aghaidh a cheartais:” oir an so tha ceartas breitheanais DE ag co-sheasamh, “gu toir e do gach neach a reir a ghniomhara,” Rom. ii. 5, 6. Nis na’n “cuireadh daoine do’n fheoil, is gu buaineadh iad do’n Spiorad a bheatha mhairtheanach,” Gal. vi. 7, 8. c’ ait’ am biodh gloir ceartais DE? Nach b’ ea-corach an ni gu faigheadh an t aingidh duais an fhirein? A rìs, “bhiodh so ann aghai naomhachd DHIA.”—Na’n sabhala DIA daoine nam peacai bhiodh a naomhachd gu ro-mhor air a maslacha ’s air a sal- [TD 87] acha. Tha daoine mi-naomh an sealla DHIA ni’s graineala na mucan agus naithrichean, Mat. xii. 34. 2 Pead. ii. 22. Ciod an eacoir is mò do fhior-ghlaine DHIA na shaoilsin gu feud an leithide so cònuidh a ghabhail maille ris? “Cha’n urr iad seasamh na bhreitheanas; cha’n urr’ iad fuireach na fhianuis,” Salm. i. 5. agus v. 4. 5. Mur fuilinge’ Daibhi’ an leithide so na thigh, no na shealla, Salm. ci. 3, 7. an saoil sinn gu fuiling DIA?—Bhiodh so “an aghai fhirinn:” oir dh’ eitich DIA o neamh, “ma their neach air bith gu bi sith aige ge do bhuanaicheas e na pheaca, gu las a chorruich-san ann aghaidh an duine sin,” Deut. xxix. 19, 20. gur iadsan amhain a “dh’ aidicheas agus a threigeas am peacaidh, a gheibh trocair,” Seanr. xxviii. 13. is gur iadsan amhain “aig am bheil lamhan glan is cridhe neo-chiontach, a theid asuas gu thulaich naomha,” Salm. xxiv. 3, 4. C’ ait’ a nis am biodh firinn DHIA, nan deanadh e, ann diaigh so uile, peacaich a shabhaladh as eugais naomhachaidh? O pheacaich dhàna! am bheil thu co amaideach as a shaoilsinn gu dean CRIOSD Athair breùgach, is gu brist e fhacal fein a chum [TD 88] thus’ a shabhala?—Bhiodh so “ann aghaidh a ghliocais:” na sochairean bu phrìseala thoirt dhoibhsan aig nach biodh meas orra; ’s nach biodh air chor air bith iomchuidh air am faotainn. (1.) Cha bhiodh meas ac’ orra. Cha’n ’eil moran suim aig an duin’ aingidh do shlainte mhoir DHIA, Mat. xxii. 5. Tha co beag iarruidh aig air CRIOSD, as a th’ aig an duine shlàn air an leigh, Mat. ix. 12. Cha’n ’eil suim aige d’a chungai- leigheis; tha e saltairt air fhuil le tàir, Eabh. x. 29. Am biodh e cosail ri gliocas mata slaint’ a chur a’ dh’ ain-deoin air a mhuinntir sin nach tuga buidheachas air bith air a son? An dean an DIA uile-ghlic e fein, an ni sin a thoirmisg e dhuinne, “a nithe naomh’ a thoirt do na madraibh, ’s a neamhnuide thilgeil a dh’ ionnsuidh mhuc, nach deanadh ach mar gu b’ ann, tionndadh air agus a rèubadh,” Mat. vii. 6. B’e so a throcair a dheana suarach gun amharus. Tha gliocas ag iarrui gu biodh onair DHIA air a sabhala co maith ri anama dhaoine; ’s c’ ait’ am biodh onair DHIA no cliu a ghràis, nan tilgeadh e mar so air falbh [TD 89] e air an dream sin nach ’eil aon chuid airidh no toileach air fhaotuinn. Seadh cuideachd (2.) Cha’n ’eil iad air chor air bith iomchuidh air fhaotainn. Tha gliocas DE soilleir ann a bhi deana nan uile nithe freagarach agus iomchuidh arson a cheile; ann a bhi toirt air a chrìch freagra do na meadhona, air a chuspair freagra do’n cheatfa, ’s air a ghibht a bhi iomchuidh arson an neach a tha ga faotainn. Ach, mo thruaighe! ciod a dheana creatuir mi-naomh an neamh? Cha bhiodh toil-intinn air bith aig’ ann, a chionn nach biodh aon ni ann iomchuidh air. Cha bhiodh an t àit’ iomchuidh air, is cha bhiodh a chuideachd iomchuidh air: oir “ciod an comunn a th’ aig dorchadas ri solus,” aig truaill’eachd ri foirfeachd, aig grainealachd agus sailche ri gloir agus neo-bhàsorachd?—Cha mhò a chordadh an obair ris. Cha taitneadh mola na neamh r’a chluais; is cha’n fhaigheadh a bheul blas air òrain nan naomh no air laoidh nan aingeal. An druigh do cheol air t aimhidh? no ’n toir thu e dh’ eisdeachd fuaim an inneil-chiuil a’s binne? Sgaoil do bhord le fèisd fa chomhair an neach a tha dol eùg le piantai tinneis, agus ann aite solais bheir [TD 90] thu dha oilbheum. Och! ma’s fada leis an duine thruagh searmain, ’s ma tha e meas na sàbaide na sgios agus na tuirse, Mal. i. 31. cionnus a chordadh e ris a bhi gu siorruith ann san staid so? Os-barr, Na’m biodh peacaich air an sabhaladh as eugais iompachai, “bhiodh so ann aghai neo-chaochlaideachd DHIA; ann aghaidh uil’-fhiosrachaidh; agus ann aghaidh uile-chumhachd.” Tha e sgriobhta mar lagh siorruith ann orduibh neimh “nach faic neach gu bràth DIA ach iadsan aig a bheil an cridhe glan,” Mat. v. 8. A nis nan tuga CRIOSD aon neach do neamh gun iompacha, b’ eigin da ’n toirt astigh gu ’n fhios da Athair, (agus an sin c’ait’ am biodh uil’-fhiosracha?) no ’n aghaidh a thoile, (’s an’ sin c’ ait’ am biodh uile-chumhachd?) air neo b’ eigin da thoil atharracha, (’s an sin c’ ait’ am biodh a neo-chaochlaideachd?) A pheacaich, nach leig thu fathasd dhiot do dhochas faoin ri bhi air do shabhala san, staid am bheil thu? “An treigear an talamh air do shonsa,” (arsa Bildad,) “’s an atharruichear a charraig as a h aite?” Iob. xviii. 4. ’S nach feud mis’ air an doigh [TD 91] cheadn’ a rà riutsa, An d’ theid lagh neimh atharrachadh air do shonsa, ’s ordugh siorruith DHIA a thilge’ bonn os-cionn? An toir CRIOSD masla do bhuaidhean Athar? An dean e ea-coir air a cheartas; am breugaich e fhirinn; an nàraich e ghliocas; an salaich e a naomhachd? O, cia neo-chomasach, amaideach agus lan do bhlaispheim a leithid so do dhochas! A shaolsinn gu sabhail CRIOSD thu gun bhi air t iompacha, ciod sin ach a shaoilsinn gu dean thu do Shlanui’ear na pheacach, ’s gu toir thu tuille maslai dha na thug na bheil do dheamhain an ifrinn dha riabh? Agus an gleidh thu ni’s faide dochas ann sam bheil uirread bhlaispheime? 2. Cha sabhail CRIOSD thu gun iompacha, oir bhiodh so “ann aghai fhacail fein.” Cluinn agus creid a bhriathra: “Gu firinneach a deirim ribh, Mur iompaichear sibh , nach d’ theid sibh asteach do rioghachd neimh,” Mat. xviii. 3. “is eigin duibh bhi air ur breith a rìs,” Eoin. iii. 7. mur dean mise do nighe’, cha’n ’eil cuid agad annam,” Eoin. xiii. 8. “dean aithreachas, no basaich,” Luc. xiii. 3. Shaoileadh aon gu bu leor aon fhacal o CHRIOSD, ach cia tric is cia dùrachdach ata e sparra [TD 92] so oirn! “Gu deimhin, mur bi duin’ air ath-ghintein cha’n fheud e rioghachd DHIA fhaicinn, Eoin. iii. 3, 5. Seadh, cha’n e mhain gu bheil e ’g innseadh ach a’ dearbha gu bheil so feumail, Eoin. iii. 6. is gu bheil duine co neo-iomchuidh arson neimh as eugais, as a bhiodh ainmhidh salach arson talla rioghail. ’S am bheil thu fathasd a’ creidsinn do dhochais dhàna fein, ann aghai briathra CHRIOSD. Is eigin da dol calg-dhireach ann aghai lagh a rioghachd agus riaghailt a bhreitheanais, mu ’m feud e thus’ a shabhala san staid so. 3. Seadh cuideachd, “Ann aghaidh a mhionnan.” Thog e suas a lamh ri neamh, is mhionnaich e co sam bith a bhuanaicheadh ann ain-eolas agus ann eas-umhlachd, gu bràth “nach d’ theid iad asteach d’ a shuaimhneas,” Salm. xcv. 11, Eabh. iii. 11. Agus nach ’eil thu fathasd a’ creidsinn, O pheacaich, gu bheil DIA do rireadh? An saoil thu gu toir e mionnan eithich air do shonsa? Tha cumhnanta nan gràs air a dhaighneacha le mionn, is air a sheulacha le fuil, Eabh. vi. 17. agus ix. 16, 18, 19. Mat. xxvi. 28. ach is eigin da so air fad a bhi air a bhriste, ’s rathad eile bhi [TD 93] air fhaotainn gu neamh, ma bhios tus’ air do shabhala gun do staid a bhi air a h atharracha. Gu bràth cha sabhalar peacaich as eugais iompachai, ni’s lugha na gheibh iad cumhnant’ eile o DHIA, ’s a gheibh iad an soisgeul siorruith sin, a chaidh a dhaighneacha co soleimnte le fuil mhic DHIA, a chur an toiseach an neo-brigh: ’s nach biodh iad gun chiall gun amharus na’n saoileadh iad gu feuda so tachairt? 4. Bhiodh do shabhaladh as eugais iompachaidh “ann aghaidh onair CHRIOSD.” Nochdaidh DIA a speis do’n pheacach, air sheol a leigeas ris cuideachd fhuath do’n pheaca. Air an aobhar sin, “an ti tha ’g ainmeachadh ainm CHRIOSD, is eigin da aingidheachd a threigsinn,” 2 Tim. ii. 19. is cùl a chur ris gach uile mhi-dhiadhachd. Agus esan aig a bheil dochas ri beatha trid CHRIOSD, is eigin da “e fein a ghlanadh amhlui mar tha esan glan,” 1 Eoin. iii. 3. Tit. ii. 12. As eugais so bhiodh CRIOSD mar gu b’ ann a’ toirt fasgaidh agus misneich do’n pheaca. Ach dh’ innis e do’n t saoghal, ge do bheir e maitheanas do’n pheacach a ni aithreachas, nach toir e ’m feasd tearna dhasan nach dean. Ma tha [TD 94] Daibhidh ag rà ri uile luchd-deanai na h aingidheachd imeachd uaithe, Salm. vi. 8. ’s a’ cumail gach aon diu ’n taobh amach d’a dhorus, Salm. ci. 7. nach lugha gu mor a dh’ fheudas iad cònuidh a ghabhail maille ri naomhachd CHRIOSD? Am b’ onair dhasan madraidh a bhi air a bhord, mucan a bhi luidhe’ le chloinn, is uchd Abraham a bhi na nead aig naithrichean? 5. Bhiodh so “ann aghaidh oifigean.” Dh’ arduich DIA e “chum bhi na Phrionnsa ’s na Shlanui’ear,” Gniomh. v. 31. Ach cha fhreagradh e aon chrioch dhiu so nan sabhaladh e peacaich as eugais iompachaidh. Is i oifig Righ “a bhi na aobhar eagail do luchd-deanaidh an uile, ach na chliu dhoibhsan a ni gu maith,” Rom. xiii. 3, 4. Is e “seirbhiseach DHE, dioghaltair, a nochda feirg do’n ti ni olc.” A nis nan cuma CRIOSD bàigh ri daoine mi-dhiadhai, (’s iad a’ fuireach mar sin) is gu gabhadh e mhuinntir sin chum riaghla maille ris, “leis nach b’ aill e bhi na Righ os an ceann,” Luc. xix. 27. bhiodh so gu buileach ann aghaidh oifig agus a dhreuchd: oir is e ’n t aobhar mu ’m bheil e ag riaghladh, a chum ’s gu “cuireadh e a naimhdean uile f’a [TD 95] chasaibh,” 1 Cor. xv. 25. Buinidh e do CHRIOSD mar Righ, cridheachan a phobuil a riaghla ’s an an-mianna chlaoidh, Salm. xlv. 5. agus cx. 3. Ciod mata an Righ a bheireadh a naimhdean astigh g’a chùirt f’an armaibh? Nach b’ e so a rioghachd, uachdranàchd, agus ughdarus a sgrios a dh’ aon bheum? Ma tha CRIOSD na Righ, tha còir aig’ air onair, urram, umhlachd, Mal. i. 6. Ach nan sabhaladh e peacaich, is iad a’ fuireach san naimhdeanas am bheil iad, ciod a bhiodh ann so ach masladh a tharruing air onair, dimeas a thoirt air ughdarus, agus na sochairean sin a cheannuich e co daor a reic air neo-ni? A rìs, nan deana CRIOSD so, cha bhiodh e na Shlanui’ear, ni’s mò na bhiodh e na Phrionnsa. ’S ann spioradail ata a shlainte: theirear IOSA ris, a chionn gu sabhail e a phobul o’m peacaidh, Mat. i. 21. air chor as nach feudadh e bhi aon chuid na IOSA no na THIGHEARNA, nan sabhaladh e iad nam peacaidh. Mur deanadh e ach daoin’ a thearnadh o pheanas a pheacai, gun an saoradh o chumhachd, cha deanadh e ach leth oibre, ’s cha bhiodh e na Shlanui’ear foirfidh. Is i oifig mar Fhear-saoruidh [TD 96] “an-diadhachd a philleadh air falbh o Iacob.” Rom. xi. 26. Is i chrioch gus an d’ thainig e dh’ ionnsuidh an t saoghail “a chum gu beannuicheadh e daoine, le ’n iompachadh o’n lochdaibh,” Gniomh. iii. 26. is a chum “gu cuireadh e crioch air peaca,” Dan. ix. 24. A nis nan sabhaladh e daoine gun iompachadh o’m peacaibh, chuireadh e ann aghai na criche so, agus chuireadh e oifig fein ann neo-brigh. AN CO-CHUR. Eirigh mata, O pheacaich! ciod is ciall duit? Duisg o d’ pheaca! mosgail o d’ thearuinteachd! an t eagal gu bi thu air do chaitheadh ann a d’ aingidheachd: abair mar a thuirt na lobhair, “Ma shuidheas sinn ann so gheibh sin bas.” 2 Righ. vii. 3, 4. Gu deimhin cha’n ’eil e ni’s cinntiche gu bheil thu ’n dràs ann taobh amach do ifrinn, na gu bi thu gu grad ann taobh astigh dh’ i, mur dean thu aithreachas agus mur bi thu air t iompacha. So an aon dorus a th’ agad gu dol as. Eirigh mata, o lunndaire, ’s crath dhiot gach uile leth-sgeul: cia fhad a bhios tu a d’ shuain, is a dh’ fhilleas tu do lamhan gu cadal? Seanr. vi. 10, 11. An luidh thu sios am meadhon na fairge, no’n caidil thu am barr nan [TD 97] crannaibh? Seanr. xxiii. 34. Cha’n ’eil caochla sam bith agad, ach an dara cuid iompacha no losga. Cha’n ’eil seachna sam bith agad air iompacha, ni’s lugha na tha thu leagta ri thu fein a sgrios, agus dol ionnsuidh na codach is faide leis an uile-chumhachdach. O dhuine! na dean so; ach, ma tha speis agad do t anam, grad-eirigh, agus thig air falbh. Air leam gu faic mi ’n Tighearn’ Ios’ a’ leagail a lamha trocaireach ort, is mar gu b’ ann ga d’ cho-eigneachadh: air leam gu bheil e buintinn riut mar a rinn na h Aingle ri Lot, Gen. xix. 15, &c. “Ann sin ghreasuich na h aingle Lot, ag ràdh, Eirich, mu’m bi thu air do chaitheadh. Agus am feadh a bha e ri maille, rug na daoin’ air laimh air, (air do ’n TIGHEARNA bhi trocaireach dha), agus thug iad amach as a chaithir e, ’s thuirt iad ris, Teich arson t anama, na fan sa mhach’ir uile, teich do’n t sliabh, an t eagal gu bi thu air do chaitheadh.” O, cia toileil a bhios do sgrios ma chruadhaicheas tu thu fein fathasd a d’ staid pheacaich! Ach cha’n urra neach air bith agaibh a rà nach d’ fhuair sihh rabha tràthail.—Ach cha’n urra mi chuir mar fhiach’ [TD 98] orm fein ur fagail air an doigh so. Cha leor leam idir ge d’ dhean mi m anam fein a shabhala. Ciod? an leig sibh dhomh falbh gun mo ghnothach? Nach ’eil aon air bith agaibh a dh’ èir’eas agus a leanas mi? An raibh mi fad na h uine so a labhairt ris a ghaoith; a’ seinn ciuil do’n nathair bhodhair; no a’ traoghadh onfha na fairge le argumeinte? Co dhiu tha mi labhairt ri clachaibh is ri crannaibh ro ri daoine; ri uaigh nam marbh is ri leaca-lighe, no rì beo cho-thional? Ma’s daoine sibh, no nì aig a bheil mothacha, seasaibh agus smuainichibh c’ait’ a bheil sibh a dol: ma tha tuigs’ agus reusan dhaoin’ agaibh, na bithibh co cuthaich as ruith do’n lasair, agus sibh fein a thilge’ do ifrinn ler suilibh fosgailte; ach thugaibh fainear sibh fein, agus grad chuiribh mu thiomchiol obair an aithreachais. Ciod e so! am bheil sibh nar daoine, ’s gidheadh a’ ruith do’n t sloc, nuair nach gabh na bruidean fein iomain thar beul bruaiche! Ciod so! reusan agaibh, is gidheadh sibh a cluiche ri bàs, ri ifrinn, agus ri dioghaltas an Uile-chumhachdaich! An do dhealuich DIA sibh o na brùide bàsmhor le ro’-mhothacha thoirt dhuibhsa; ’s na dheigh [TD 99] so, nach dean sibh deasacha sam bith arson na h uine tha ri teachd; nach dean sibh cabhag air bith gu dol as o phianta siorruith? O! nach eisd sibh ri reusan, ’s nach leig sibh fhaicinn gur daoine sibh. An ni reusanta dhuibhsa dol a “dheana strì ri’r Cruthai’ear?” Isai xlv. 9. no “sibh fein a chruadhacha na aghaidh.” Iob ix. 4. “Mar gu deana neart Israel breug?” 1 Sam. xv. 29. An ni reusanta dhuibh’s air an do bhuilich DIA caileigin do thuigse, ur beath’ a chaithe’ direach ann aghai na criche gus an deachaidh ur cruthacha, ’s a bhi air ur tilgeil amach, mar chrè bhriste, do’n òtrach? Am bheil e iomchui gu biodh an aon ni san t saoghal so, tha comasach air eolas a ghabhail air toil DHIA, ’s air gloir a thoirt da, ain-eolach air a Chruthai’ear, is neo-èasgui na sheirbheis? seadh, gu biodh e ri ar-amach na aghai, ’s a’ tilgeil a shile na eudann? Eisd, O neamh, agus thoir aire, O thalamh;” thuga na brùidean fein breith ma tha e ceart gu deanadh iadsan, a rinn DIA, “altrum is a thogail suas ar-amach na aghaidh,” Isai. i. 2. Nach toir sibh fein breith cionnus a thig e do na dreasan agus do’n droighinn dol asios an cath ann aghaidh [TD 100] an teine mhilltich? Isai. xxvii. 4. no “do chrè na talmhain strì dheana r’a Cruthai’ear?” Ma tha bheag idir do reusan agaibh, is eigin duibh aideacha nach ’eil so ceart: agus mu’r bheil, c’arsan a dh fhanas sibhsa ni’s faide mar a tha sibh, gu’n bhi rei’ ri DIA le h iompacha ’s le h aithreachas? Ciod a their mi? Dhùraichdinn m’ anam a bhuileachadh air a chùis so, O nan tuga sibh ach eisdeachd dhomh! is gu toisiche sibh air ball air caithe-beatha nuadh. O, nach gabh sibh os laimh bhi glan! c’uin idir a thachras e? An e nach cuir mi iompaidh air aon neach agaibh? A leughadair, nach eisd thusa rium air a h aon? Nach suidh thu sios, nach smuainich thu air a chuis so, ’s nach faic thu gur e do ghliocas pilleadh. Thig, agus reusanaichemid le cheile: an glic dhuitsa fuireach mar tha thu? an suidh thu mar a thagad gus an tig a mhuir-làn tharad? An glic dhuitsa dol a dh’ fheuchainn am bi DIA co maith as fhacal; agus thu fein a mhille’ le barail fhaoin gu’n eirigh gu maith dhuit ge nach bi thu air do naomhacha? Ach tha fios agam nach gabh sibh mo chomhairle: gu bi a chuid is mo agaibh mar [TD 101] a bha iad; is gu dean iad mar a rinn iad. Tha fios agam gu pill am misgear gu mhisg; an cealgair gu cheilg; an slaoitear gu shlaoit, is an neo-ghlan gu neo-ghlain’ a rìs. Och! an eigin domh ur fàgail far an raibh sibh, nur n ain-eolas no nur n aingidheachd; nur fuar-chrabha no nur mi-mhothacha! Ach mur d’ theid agam air tuille, suidhidh mi sios a chaoidh call mo shaoithrcach, is a thaomadh amach m’ osnaigh oiscionn thruaghana bochd tha bàsachadh. O peacaich gun chiall! ciod a chrioch gus an tig iad! ciod a ni iad san là sin ann san d’ thig DIA g’ an amharc? “Co ionnsuidh a theicheas iad arson cabhair?” Isai. x. 3. Cia glan a chuir am peaca drui’eachd orra, ’s a rinn dia ’n t saoghail so an dalladh! Cia an-bharr a tha iad air am mealladh, cia bodhar an cluasan, cia cruaidh an cridheachan! Tha iad aig an Aibhisteir air a smèide; ge d’ ghlaodh mise cian, gun neach gam fhreagairt. Feudai mi reusanacha riu bliadhna ’n diaigh bliadhna; eisdidh iad rium, agus is e sin uil’ e. A dh’ ain-deoin na ’s urra mi rà, leanaidh iad r’am peacanna: ge d’ innis mi dhoibh gu bheil bàs ann sa chupa, glacaidh iad e: [TD 102] ge d’ innis mi dhoibh gu bheil iad san t slighe leathainn da’n crioch leir-sgrios, gidheadh theid iad air an aghai. Tha mi ’g innse’ dhoibh an cunthairt, ach cha ghabh iad suim dheth. Air uairibh, saoilidh mi gu maothaich trocair DHIA iad, is gu toir gach caomh-chuire tha e toirt seachad na fhacal buaidh orra; ach gheibh mi iad direach mar a bha iad. Uair eile, saoilidh mi gur cuir uabhasan an TIGHEARN’ eagal orra; ach cha drùigh so orra cuideachd. Eisdidh iad am focal, cordaidh an t searmoin riu, ’s molaidh iad am ministeir; ach caithidh iad am beatha direach mar a rinn iad roimhe. Cha toir iad diulta dhomh, ach cha mhò bheir iad geill domh. Dlù-chruinnichidh iad gu focal DHIA, suidhidh iad mu ’m chomhair mar a phobul-san agus eisdidh iad mo bhriathra; ach cha chuir iad aon an gniomh dhiu. Tha speis aca do mhinisteirean agus seasuidh iad asuas air an son, is tha mise dhoibh “mar òran ro-thaitneach duin’ aig am biodh guth binn,” ach cha’n urra mi ’m faotainn gu teachd fui chuing CHRIOSD. Tha gaol ac’ orm, is tha iad ulla’ gu rà gu dean iad ni air bith air mo shon; ach arson mo bhuideachais, [TD 103] arson m’ anama, cha’n urra mi chur mar fhiach’ orra cùl a chur r’am peacaidh, an droch cuideachd a sheachnadh, agus sgur d’an neo-mheasarachd, d’am buannachd ea-coraich, &c. Cha’n urra mi thoirt orra tòiseacha ri urnaigh chur asuas nan teaghlaiche ’s nan ionada uaigneach; ge do gheallas iad dhomh a dheana, cosail ris a mhac eas-umhal, a thuirt, “Tha mi dol, a Thighearna, ach nach deachai,” Mat. xxi. 30. Cha’n urra mi thoirt orra gu gabh iad eolas air an creide’ ge d’ raibh iad ulla’ gu basacha le diobhail eolais, Iob xxxvi. 12. Tha mi ’g innse dhoibh an cunthairt, ach cha chreid iad nach ’eil gach ni ceart. Ma dh’ innseas mi dhoibh gu h àraid gu bheil eagal orm arson a leithid so, no leithid so do reusain, gu bheil an staid gu h olc, measaidh iad mi ’m dhuin’ achasanach, draghail: no, ma mhosglas iad beagan san am, air ball tha ’n t Abhisteir gan cur nan cadal arìs, agus tha iad a’ call na bh’ aca do mothacha. Mo thruaighe! mo luchd-eisdeachd bhochda! ’n cigin doibh mu dheire basacha nan ceùdan, nuair tha am ministeirean co dèigheil air an sabhala? Ciod an t innleachd a ghnàthaicheas mi leo, nach do ghnàthiach [TD 104] mi cheana? “Ciod a ni mi arson inghean mo phobuil,” Ier. ix. 7. “O Thighearna DHIA cuidich. Och! am fag mi iad mar so? Mur eisd iadsan mi, gidheadh eisd thusa mi: O gu bitheadh iad fathasd beo ann a n’ shealladh! A Thighearna sabhail iad, air neo tha iad caillte. Ghuileadh mo chridhe nam faicinn an tighean ri theine mu’n ceann, is iad nan suain chadail nan leapuichean; agus nach goirte na sin le m’ anam a bhi gam faicinn a’ tuiteam am an teine siorruith! A Thighearna gabh trua’s diu, agus spìon amach as an tein’ iad: sìn amach do ghairdean cumhachdach, agus biaidh an obair deanta; ach air mo shonsa dheth cha’n urra mi buadhacha.” CAIB. IV. A’ feuchainn chomharan leis an aithnichear a mhuinntir neo-iompaichte. CHA mhor a chuireas e air daoine sinn a bhi labhairt ann aghaidh a pheacai, ni’s lugha na thig sinn dlù g’am brollach agus a shonraicheas sinn amach a ghnè pheacai sin sam bheil iad fein gu h àraid cionn- [TD 105] tach. Cha’n ’eil Daibhidh a’ gabhail dùsgai sam bith le samhlui’ean is coimeasan an fhàidh, ach gus am bheil e teachd direach gu uchd is ag innse’ dha gu soilleir “Is tus’ an duine,” Aidichidh ach beag gach aon gu bheil iompacha ’s ath-nuadhacha ro-fheumail, ach tha iad gan sgrios fein le barail mhealltach gu bheil an obair deanta cheana. O’n tha fios aca gu bheil iad saor do’n cheilg oillteil sin tha toirt air cuid do dhaoine sgàil chreidimh a chur umpa chum an aingidheachd a chleith agus an coimhearsnaich a mhealla, tha iad gam meas fein treibh-dhireach; gun smuaineacha gur teaga gu bheil ceilg is dluithe ’s is cunthartaiche na i so ceangailte riu; a cheilg sin leis am bheil neach a’ mealladh anama fein, Sheum i. 26. Ach tha cridhe ’n duine na ni co chealgach agus fein-mhealltach, as nach ’eil fios agam co dhiu ’s duiligh’, is seirbhe, no is feumala ’n obair dol gu rùsga ’s gu leige’ ris. Mo thruaighe mo luchd-eisdeachd neo-iompaichte ’s eigin doibh an cridhe fhaicinn no bhi caillte. Ach cionnns is urra sinn a leige’ ris doibh? “Cuidich mi, O Sholuis a rannsuicheas na h uile nithe, ’s dean thusa soilleir d’on [TD 106] fhein-mhealltair am bunachar faoin air a bheil e leagail a steidhe. Stiur mise, Thighearna DHIA, mar a rinn thu ’m fàidh, gu seomraiche nan iomhaigh; cladhaich roi’ ’n bhalla sin tha cuartacha cridhe a pheacaich, is leig ris na grainealachda diomhair sin, tha ga’m falach fein na ionadaibh dorcha. O cuir t aingeal air thoiseach orm a dh’ fhosgladh ioma’ dhoirse gach cridhe, ’s a thoirt air na geataiche iaruinn fein sgaoileadh o cheile, amhuil mar a rinn doirsean a phriosuin ro d’ sheirbhiseach Peadar. Agus, mar nach bu luaithe bhlais Ionathan a mhil na bha shùilean air am fosgla, mar sin deonuich, O THIGHEARNA, nuair a chi no chluinneas na h anama dalla truagha, ris a bheil mo ghnothachasa, na briathra so, gu bi ’n intinn air a soillseacha, ’s an coguis air a dùsga le geùr-mhothacha, chum ’s gu faiceadh iad le ’n suilean, ’s gu biodh iad air an iompacha, ’s gu deana tus’ an leigheas.” Is eigin duinn a thoirt fainear, mu’n toisich sinn ris ann rannsacha so, gu bheil e deirbhte gu feud daoine moran earbsa bhi aca gu bheil an staid gu maith nuair tha i gu [TD 107] h olc. Cluinn beul na firinn fein a leigeil fhaicinn an cùis Laodicea, gu feud daoine bhi “truagh agus bochd agus ainniseach, agus dall agus lomnochd,” is gun fhios aca fein air; seadh, nuair tha iad lan-earbsach gu bheil iad “beartach, agus air fàs saibhir ann an gràs,” Taisb. iii. 17. “Tha ginealach ann a tha glan na suilibh fein, is gidheadh nach ’eil nighte o’n salchar.” Seanr. xxx. 12. Co b’ fhearr barail air a staid fein na Pol, nuair a bha e fathasd neo-iompaichte? Rom. vii. 9. Air chor as gu bheil iadsan gu ro-mhor air am mealladh, a tha saoilsinn gur leor an dearbha dhoibh gu bheil a chuis ceart ma tha ’n earbsa laidir. Iadsan aig nach ’eil barantas ni’s fearr na so air an iompacha, cha’n ’eil fhios aca fathasd ciod is ciall da. Ach gu teachd ni’s dlùithe d’ar gnothach: Thachair do’n mhuinntir air a bheil sinn ag iomra mar a thachair do luchd-leanmhuin an Ana-criosd, tha cuid dhiu tha giulan an comharai gu follas an clàr an eudainn; agus cuid eile, ni’s falaichte na sin, air an dearnai. Tha iomad seorta air an tuire’ sios agus air am fagail fui bhìne bàis anns na scrioptura eagalach so leanas, d’an còir dhuibhsa aire [TD 108] shonraicht a thabhairt, a dh’ fheuchainn nach ’eil sibh fein san àireamh. Ephes. v. 5. 6. “Oir tha fios agaibh air so nach ’eil aig striopaiche, no aig neach neo-ghlan, no aig duine sanntach, a tha na fhear iodhol-aoraidh, oighreachd ann rioghachd DHE agus CHRIOSD. Na mealla nach air bith sibh le briathra faoin; oir arson nan nithe so tha fearg DHE a’ teachd air cloinn na h eas-umhlachd,” Taisb. xxi. 8. Ach aig an dream sin a tha gealtach agus mi-chreideach, agus gràineil, agus aig luchd-mortaidh, agus striopachais agus drui’eachd, agus iodhol-aoraidh, agus aig na h uile bhreugairibh, bithidh an cuibhrionn ann san locha ’ta dearg-lasa le teine agus pronnusc; ni is e ’n dara bàs! 1 Cor. vi. 9, 10. “Nach ’eil fios agaibh nach sealbhaich luchd deanai na hea-corach rioghachd DHE? Na meallar sibh , cha sealbhaich luchd striopachais, no luchd iodhol-aoraidh, no luchd-adhaltruis, no luchd macnuis, no na daoine tha cionntach an neo ghloine mhi-naturra, no luchd goid, no luchd sainnt, no misgearan, no luchd an-cainnt, no luchd foireigne, rioghachd DHE:” faic Gal. v. 19—21; Mo thruaighe [TD 109] iadsan aig a bheil an ainmeanna sgriobhta measg nam buidhnean so. Feudaidh iadsan fios a bhi aca, co cinnteach as ge d’ innse’ DIA dhoibh e o neamh, gu bheil iad fathasd gun naomhacha; agus, ann san staid sin, nach ’eil e comasach dhoibh air chor air bith a bhi air an sabhala. Tha gach seorta dhiu so mata (gun ag air bith) neo-iompaichte; tha iad a’ giulan an comharaidh ann an clàr an eudainn. 1. Na neo-ghlain. Tha iad so do ghnath ann an aireamh nan gabhar a sheasas air an laimh chlì; ’s co air bith eile tha air am fàgail amach, tha ’n ainmsan air a chur asios anns gach aon do na clàr-ainmeanna sin a chunnaic sinn, Ephes. v. 8. Taisb. xxi. 8. 1 Cor. vi. 9, 10. 2. Na sanntaich. Tha iad so anns gach àit’ air an sonracha mar luchd iodhal-aorai, ’s dorus na rioghachd air a dhruideadh orra air an ainm, Ephes. v. 8. Col. iii. 5. 1 Cor. vi. 9, 10. 3. Misgearan. Cha’n e mhain iadsan a tha ’g òl air falbh, an reusain, ach mar an ceadn’ agus gu h araid iad sin a tha tuille ’s laidir seadh arson deoch laidir. Ann aghai na muinntir so tha beul DHIA fein a’ [TD 110] glaodhach truaighe, ’s a’ barantacha nach ’eil “pairt sam bith aca do rioghachd Neimh.” Isai. v. 11, 12, 22. Gal. v. 21. 4. Breugairean. Tha ’n DIA sin nach feud breug a dheanadh ag innse’ dhoibhsan, nach ’eil cuid sam bith aca da rioghachd-san, is nach d’ theid iad gu brath asteach d’a thulaich: ach gu faigh iad an cuibhrionn le Athair nam breug, (an ti d’ am bheil iad nan cloinn, ann san locha theine, Salm. xv. 1, 2. Taisb. xxi. 8, 27. Eoin. viii. 44. Seanr. vi. 17. 5. Luchd-mhionn. Gun aithreachas goirt agus grad, is i crioch na muinntir so leir-sgrios ullamh, agus damna cinnteach, gun innleachd air bith air a sheachnadh, Sheum. v. 12. Sech. v. 1, 2, 3. 6. Luchd an-cainnt agus cul-chàinidh, a tha ulla’ gu droch sgeul a thogail no airis ann aghaidh an coimhearsnaich, is gach salchar a dh’ fheudas iad a thilge’ na eudann; no tha ga lot gun fhios da air a chùl-thaobh. Salm. xv. 1, 3. 1 Cor. vi. 10. agus v. 11. 7. Luchd goid, foireigne, ’s breith-air-eigin, a tha sarucha ’s a’ bleith nam bochd, is a’ deanadh an-cothrom air bith air am braithrean gach uair a gheibh iad fàth air [TD 111] bith air a dheana. Biodh fios aca so air fad gu bi DIA na dhioghaltair orra, 1 Tess. iv. 6. Cluinnibh, O sheirbheisiche bradach, mi-dhileas agus struidheil; cluinnibh, O luchd-oibre cealgach anns gach dreuchd; cluinnibh ur bìne: druididh DIA gu cinnteach a dhorus oirbhsa; tionndaidh e ur n ionmhus ea-corach gu ionmhus feirge, ’s bheir e air ur n òr is air ur n airgiod, a fhuair sibh gu h eas-ionraic, ur claoidh mar mhiotailt leaghta ’n taobh astigh dhibh, 1 Cor. vi. 9, 10. Sheum. v. 2, 3. 8. Gach uile neach a tha ri dearmad am bitheantas air aora DAIA: nach ’eil ag eisdeachd fhacail no gairm air ainm: a tha cumail air ais urnaigh o DHIA, ’s nach ’eil a’ gabhail suim d’an anama fein no do anama ’n teaghlaichean, ach a tha “caitheadh am beatha gun DIA ann san t saoghal,” Eoin. viii. 47. Iob. xv. 4. Salm. xiv. 4. agus lxxix. 6. Ephes. ii. 12. agus iv. 18. 9. Iadsan a tha gleidhe’ cuideachd amaideach no olc. Thug DIA barantas seachad gu sgrios e mhuinntir so air fad, is nach d’ theid iad gu brath asteach da àite cònuidh, Seanr. xiii. 20. agus ix. 6. Salm. xv. 4. 10. Iadsan a bhios ri fanoid air diadhachd, [TD 112] ’s a’ deana sgeig is tàir air daoine diadhaidh, air an aidmheil naomha, ’s air an giulan faicilleach; ’s a tha deana spòrsa dhoibh fein do an-’ainneachd is do fhailinnibh nan creideach. Cluinnibh, a luchd-fanoid, ur bìne eagalach, Seanr. xix. 29. agus iii. 34. 2 Chron. xxxvi. 16. Mat. xviii. 6. A pheacaich, rannsuich gu curamach a dh’ fheuchainn nach ’eil thu fein a measg aon seorta do’n mhuinntir sin a chaidh ainmeachadh: oir ma ’s e so do chor tha thu fathasd “an domblas-sàth an t searbhaduis agus an cuibhreachan a pheacaidh;” oir tha gach seorta dhiu so a’ giulan an comharai co soilleir an clàr an eudainn as nach ’eil ag air bhith nach clann do’n bhàs iad. Agus ma seadh, gu gabha DIA trua’s d’ar co-thionail bhochda! O cia beag sin t aire’ bhios air fhagail nuair a bhios na deich seortai’ so air an toirt asda! Och! cia lion dorus, cia lion eudann air an eigin duinn a sgriobha “Gu deana DIA trocair oirn!” A dhaoine, cionnus is urra sibh a chur an ceill duibh fein gu bheil ur staid gu maith, nuair tha DIA o neamh a’ labhairt nur n aghaidh, agus a’ barantacha dhuibh gu bheil sibh an staid damnai? Ceadaichibh dhomh reusan- [TD 113] acha ribh ann am briathra DHIA “Cionnus a dh’ fheudas tu rà. Cha’n’eil mi salach?” Ier. ii. 23. “Feuch do shlighe sa ghleann, tuig ciod a rinn thu.” A dhuine nach ’eil do choguis fiosrach air do chuil-bhearta cealgach, air do chionta uaigneach, air do shlighe bhreugaich? Seadh nach ’eil do chairdean, do theaghlach, do choimhearsnaich, nam fianuisean air do dhearmad air aora DHIA, air do chleachda sanntach, air do ghiulan mi-rùnach agus farmadach? Nach feud iadsan a chi thu dol seachad a rà Sin struidhear costail; no, Sin misgear pòiteil; fear-taoghail droch cuideachd? Sin duine droch-theangach; no, fear-fanoid, no duin’ aig a bheil caithe-beatha mi-theisteil?—Mo mhuinntir iomhuinn, sgriobh DIA mar gu b’ ann le gáth-greine, san leabhar sin leis an toirear breith oirbh, nach e bheag dheth so suaicheantas a chloinne-san; is nach d’ theid aon neach do’n mhuinntir so, ni’s lugha no bhios e air ath-nuadhacha le gràs an iompachai, gu siorruith as o dhamnadh ifrinn. O nach gabha sibh os laimh a nis “aithreachas a dheanadh, agus pilleadh o’r n uile chionnta, chum as nach deanadh [TD 114] aingidheachd ur milleadh!” Esec. xviii. 30. Och, a pheacacha cruaidh-chridheach! an eigin domh ur fagail mu dheire far an raibh sibh? Am feum mi am poìt’ear fhagail san tigh-òsda? Am feum mi fear an t sùgrai fhagail r’a mhacnus? Am feum mi am mi-rùnach fhagail na nimh; is fear nam breug no nam mionn a’ cluiche ri bruaich an teine shiorruith? Ma ’s eigin, biodh fios agaibh co achd gu d’ fhuair sibh rabha, ’s gu bheil mise saor o’r fuil. Agus, “co ac’ a dh’ eisdeas daoine no nach eisd,” fagai mi na sgrioptura so maille riu, an dara cuid mar tharnanaich g’ an dùsga, no mar iarruinn-losgai g’ an cruadhacha ’s gam fagail gun mhothacha, Salm. lxviii. 21. “Ceann a naimhde bristidh DIA, agus claigeann greannach an duine sin a theid air aghai gu dana na aingidheachd.” Seanr. xxix. 1. “An ti gheibh achasan gu minic, is a chruaidhicheas a mhuineal, di-mhilltear e gu h obann, agus gun teasairgin.” Caib. i. 24, &c. “ A chionn gu do ghlaodh mi, agus gu do dhiult sibh, gu do shìn mi mach mo lamh, is nach d’ thug duine fainear, &c. Ni mise fanoid nuair a thig [TD 115] ur truaighe, nuair a thig ur leir-sgrios amhuil ioma-ghaoth.” Cha’n ’eil teaga nach ’eil moran a nis gam meas fein sona, ’s a’ soilsinn gu bheil gach ni ceart, a chionn nach feudar a bheag a chur as an leth do na peacai sin is soilleire ’s is truime cionnta, bha ’n ceart uair air an ainmeachadh. Ach is eigin domh innse’ dhuibh gu bheil seort’ eile do dhaoine neo-naomhaicht’ ann, ge nach ’eil iad a’ giulan an comharaidh air clàr an eudainn mar a mhuinntir so; ach aig a bheil e ni’s falaichte, mar gu b’ ann air an dearnai. Tha’n dream so gu bitheanta gam mealla fein co maith ri daoin’ eile, ’s air am meas nan fior chriosdui’ean nuair tha’n cridhe fad na h uine làn do ghàoid is do mhi-fhallaineachd. Tha moran diu dol roi’ n t saoghal gu’n uirread as duin’ a chur amharuis orra, gus an toir bàs agus breitheanas gach ni gu solus. Tha na fein-mhealltairean so mar gu b’ ann a’ teachd direach gu geata fhlaithinis le làn-earbsa ri dol astigh; is gidheadh tha iad air an druideadh amach air a cheann mu dheire, Mat. vii. 22. Mo bhraithre ionmhuinn, guidheam oirbh aire shonraicht’ a thoirt do’n smuainte chui- [TD 116] dreamach so, ’s a ghleidhe’ gu daingeann nur cuimhne, “Gu bheil na miltean air an call le bhi toirt fasgai do pheaca diomhair eigin, a tha cha’n e mhain falaicht’ o dhaoin’ eile, ach mar an ceadna uatha fein a chionn nach ’eil iad a’ mion-rannsachadh an cridhe.” Feudai duine bhi saor o ghràinealachd fhollais, is gidheadh basacha le gaoid no galar faluichte. Ainmichi mi a dhà-dheug do na peacanna diomhair so leis am bheil na milte anam’ air an sgrios. Rannsaichibh gu curamach, a dh’ fheuchainn nach ’eil aon air bith do na comharaibh bàis so ri fhaotainn oirbh; oir tha gach aon diu a’ leigeil fhaicinn gu bheil neach air bith air am faighear iad fathasd gun ghràs, gun iompacha. Air an aobhar sin, mar is ionmhuin leibh ur n anama, leughaibh agus eisdibh na nith’ a leanas le mòr-fhaicill agus curam, ’s le èud naomh mu’r tiomchiol fein, eagal gu faighear oirbh aon air bhith do na comharaibh sin a theid ainmeacha. 1. “Dall ain-eolas.” O, cia lion anam truagh tha ’m peaca so a’ mille’ gun fhios! Hos. iv. 6. nuair tha iad a’ saoilsinn gu bheil an cridhe ceart, is gu bheil iad air an rathad dhireach gu neamh! ’S e so am mùrtair a [TD 117] tha sgrios nam miltean gu sàmhach, is gun iad a’ faicinn no mothachainn co ’n lamh a tha gan cosgairt. Ciod air bith leth-sgeul a th’ agaibh arson ur n ain-eolais, feudai sibh fhaicinn gur peaca millteach do’n anam e, Isai xxvii. 11. 2 Tess. i. 8. 2 Cor. iv. 3. Nam faice’ sibh làn tighe do dhaoine, air an stiuradh a lion aon is aon, le’n suilibh còdaichte, gu beul furnais theine, ’s gun fhios aca c’ ait’ an raibh iad a’ dol gus am bheil iad air an tilge’ sios innte, nach bithe’ sibh air ur liona le gairr’eisin leis an t sealladh? Ach nach goirte na sin smuaineach air ceudan, anns na h uile co-thional, a th’ air an tilgeil do ifrinn gun fhios doibh le dall ain-eolas. O, bithibh air ur faicill an aghaidh a pheacai so. Na saolibh gu gabh ni air bith ur leth-sgeul arson ain-eolais; tha sibh a gleidheadh ur murtair ann ur sgeith, ma ’s e ’s gu bheil sibh a’ toirt da fardaich. 2. “Bhi gleidhe’ pairt do’n chridh’ air ais o CHRIOSD.” An t iomlan a threigsinn arson CHRIOSD, “fuath thoirt do athair agas do mhathair, seadh agus do bheatha duine fein” air a shon, “Is cruai’ an gnothach so,” Luc. xiv. 26. Tha cuid a ni moran do nithe; ach cha bhi cuid [TD 118] aca do’n chreide’ sin a dh’ iarras gach aon ni orra. Gu brath cha toir iad ’ad fein gu buileach asuas do CHRIOSD, is cha bhi iad gu h iomlan striochdta dha. ’S eigin doibh peaca milis eigin a ghleidhe’; cha’n ’eil toil ac’ iad fein a dhochann; no dealacha ri’m beatha, ri’n cliu, ri’n saorsa, ri’m maoin, is ri’n leithide sin do nithe. Tha moran mar so a’ gabhail CHRIOSD air thuiteamas, gun smuaineach’ air a chumhanta ’s gun fhuireach gus an cunnt iad an costus. Is mearachd so ann san stèidh a mhilleas an t iomlan, ’s a sgrìosas gu siorruith gach neach a bhios cionntach ann, Luc. xiv. 28. Mat. xiii. 21. 3. “Fuar-chrabha.” Tha moran gan toileacha fein le taobh amach a chreidei’. Tha iad a’ dol roi gach saothair is dleasnas naomh o’n leth amuigh; is an sin tha iad a’ stad gun dol ni’s faide, Mat. xxiii. 25. Tha ’m mearachd so a’ mealla dhaoine ni’s mo, ’s gan sgrios ni’s cinntiche na aingidheachd fhollais; amhuil as mar a rinn e air an Pharaiseach, Mat. xxiii. 31. Tha iad ag eisdeachd, a’ trosg, ag urnaigh, a’ toirt dèirce seachad; is uime sin cha chreid iad nach ’eil an staid gu maith, Luc. xviii. 11. [TD 119] Ach ge d’ dhean iad so uile, as eugais obair a chridhe, agus cumhachd is beatha na diadhachd a ruigheachd air an anam, tha iad a’ tuiteam air a cheann mu dheire do ifrinn, ge d’ bu mhor an dochas agus an earbsa gu raibh iad air an t slighe dhireich ionnsuidh neamh, Mat. vii. 22, 23. O cia eagalach an staid so, nuair nach ’eil feum air bith do dhuine na chreideimh, ach amhain gu chruadhacha na chionnta, ’s gu anam a mhille’ le mearachd! 4. “Rùn agus crioch mhearachdach ann an oibre maith agus diadhaidh,” Mat. xxiii. 25. B’e so sgrios an Pharaisich. O cia lion anam truagh a th’ air am mille’ leis so, ’s a tha tuiteam do ifrinn mu’m bheil iad a faicinn am mearachd? Tha iad a’ gnathacha deagh oibre, ’s ann sin a’ saoilsinn gu bheil gach ni ceart; is gun iad fad na h uine toirt fainear gur ann o run saoghalt’ agus feolar a tha so uil’ ag sruthadh. Tha e tuille ’s fior gu bheil am peaca so air uairibh a faotainn greim air an duine fhior-iompaichte fein; ach ann aite buadhacha gu bitheanta, no riaghladh ann, tha e na chùis fhuath agus irisleachai dha, Rom. xiv. 7. Ach nuair is e ’n t aobhar mu bheil neach [TD 120] air bith a’ dol am bitheantas mu thiochiol dleasnais mhaith agus dhiadhaidh a thoileachadh a choguis, a dh’ fhaotainn ainm bhi diadhaidh, a “chum as gu faicte le daoin’ e,” a leigeil fhaicinn a ghibhtean agus a cheatfai, no sheachnadh iomra sgainneileach a bhi mi-dhiadhai, no leithide sin; tha a chridhe fathasd cealgach agus mi-fhallain, Hos. x. 1. Sech. vii. 3, 6. O sibhs’ aig a bheil deagh-aidmheil! ma bu mhaith leibh gun sibh fein a mhealla, feuchaibh nach e mhain gu bheil ur n oibre maith, ach mar an ceudna, seadh agus gu sonraichte, gu bheil ur rùn agus ur crioch maith cuideachd. 5. “Earbs’ as ar fireantachd fein,” Luc. xviii. 9. Is eacail so a sgriosas an t anam, Rom. x. 3. Nuair tha daoin’ a deana bun as am fireantachd fein tha iad gnn amharus a cur cùl ri fireantachd CHRIOSD. Mo chairde, thu faicill feumail duibh air gach aon taobh; oir feudai cha’n e mhain ur peacaidh, ach ur dleasnais mar an ceadn’ ur dìte’. Theaga’ nach d’ thainig so riabh fainear dhuibh; gidheadh cha’n ’eil ni air bith is cinntiche na gu feud duine bhi air a sgrios le sgàil fireantachd is le samhla gràis, [TD 121] co maith as le peacai ghraineil agus fhollais. Is ann mar so a thachras, nuair tha earbs’ aig duine gu dean oibre fein fhireanacha ’m fianuis DE, a cheartas a dhioladh, a chorruich a thraoghadh, fhabhar is a ghean-maith a chosnadh, agus maitheanas a thoilltin; oir ciod so ach CRIOSD a chur as oifig, agus slanui’ear a dheana dar gràsan agus dar deanadas fein. Bithibh air ur faicill ann aghai so, a luchd-aidmheil, air lionaireachd no air feothas ur n oibre, ni ’n aon ni so an t iomlan a mhilleadh. Air an aobhar sin, nuair is saibhire ’s is fearr a ni sibh ur dleasnas, bithibh cinnteach nach earb sibh ni sam bith ris so, ach gu leig sibh ur taice gu h iomlan ri CRIOSD. Measaibh ur fireantachd fein mar bhroineagan, Salm. cxliii. 2. Phil. iii. 9. Isai lxiv. 6. Neh. xiii. 22. 6. “Naimhdeas agus fuath os n iosal do ro-fhaicill is do theanndachd na diadhachd.” Tha moran do dhaoine deagh-bhèusach aig a bheil suim do chrabha ’s do ghiulan riaghailteach o’n taobh amuigh, ach aig a bheil fior naimhdeas do ro-theanndachd, agus fuath do bheatha ’s do chumhachd na diadhachd, Phil. iii. 6. le Gniomh. ix. 1. Cha chord e riu bhi faicinn cuid do [TD 122] dhaoine tuille ’s diadhai’, mar tha barail acasan, ’s a cur tuille ’s a choir do shaothair orra fein mu thiomchiol an creideimh. Tha iad a’ dìte na mor-fhaicill is an teas-chrabhai so, mar neònachas, mar amaideachd agus an-bharr eud. Ma chi iad searmonaiche ro-dhurachdach, no Criosduidh fior-chrabhui tha iad g am meas nan daoine neo-shuidhichte, ’s air bheagan ceille.—Tha e soilleir nach ’eil speis aig a mhuinntir so do naomhachd mar naomachd, (oir nam bitheadh, bhiodh an speis bu mhò aca do’n tomhas bu mho dhi) ’s aìr an aobhar sin tha iad gun ag air bith mi-fhallain nan cridhe, cia maith air bith a bharail a th’ ac’ orra fein. 7. “A bhi stad aig tomhas araid do dhiadhachd:” Nuair a bhios aca direach uirread as a shabhalas iad (n am barail-fein) cha’n ’eil iarruidh ac’ air tuille; ’s leis so tha iad a’ nochda gu bheil iad fada gairrid air fior ghras, a bhios a’ sior-bhrosdacha dhaoine gu dol n’is faide ’s ni’s faide air an aghaidh ionnsuidh foirfeachd, Phil. iii. 13. Seanr. iv. 8. 8. “An-bharr speis do’n t saoghal.” So comhara cinnteach air cridhe neo-iompaichte, Marc. x. 22. 1 Eoin ii. 15. [TD 123] Tha ’m peaca so gu bitheanta ga fhalach fein fui sgàil a chreidei ’s fui dheagh aidmheil, Luc. viii. 14. Seadh, tha ’m peaca so co mealltach, as nuair a chi gach aon eile sannt agus saoghaltachd duine, gu bheil e iomad uair falaicht’ air fein, le coilion dreach, is leth-sgeul, is aobhar, a tha e toirt da fein arson a ro-churam mu’n t saoghal; is mar so tha e dalladh a shùl fein air chor as nach leir dha’n truaighe sin gus a bheil e ’g imeachd. Cia lionar iadsan a’ measg lnchd-aidmheil a tha toirt tuille d’an cridhe ’s d’an aigne do’n t saoghal na do CHRIOSD; “aig am bheil an air’ air nithe talmhaidh:” agus mar sin a tha leigeil fhaicinn gu soilleir gu bheil iad fathasd ann san fheoil, is gu criochnaich iad ann leir-sgrios! Rom. viii. 8. Phil. iii. 19. Gidheadh, feoruich do’n mhuinntir so, ’s innsidh iad dhuit gu dàna, gu bheil “speis agus meas ac air CRIOSD thar gach ni, ’s nior leige’ DIA nach bitheadh!” ach fad na h uine cha leir dhoibh gu bheil an inntin talmhaidh agus saoghalta, chionn nach ’eil iad a’ mion-rannsacha no toirt fainear oibreachaidh an cridhe. Nan ceasnaicheadh iad sin le curam, gheibheadh iad amach air ball gur ann san t [TD 124] saoghal is mò th’ aca so thlachd is do thoilinntin, Luc. xii. 19. is gur ann mu thiomchiol an t saoghail fhaotainn agus a ghleidhe’ tha chuid is mo d’an saothair agus d’an iomguin. Dearbha ni’s cinntiche na so cha ruig sinn a leas iarruidh air duine bhi fathasd neo-iompaichte. Gu deonuiche’ DIA nach bi chuid is mò do luchd-admheil air an sgrios le laimh a pheacai so, gun iad ga mhothacha, no ga thoirt fainear. Feudai daoine bhith, agus tha iad gu tric, air an cumail air an ais o CHRIOSD, le anbharr speis do thiolaca laghail, co maith as leis a chaithe-beatha sin is mi-laghaile sam bith, Mat. xii. 5. Luc. xiv. 18,—24. 9. “Mi-run laidir agus farmad an aghai na muinntir sin a tha ri tàir no ea-coir oirn,” 1 Eoin. ii. 9, 11. O cia minic a chi sinn moran air a bheil coslas bhi diadhaidh a’ cuimhneachadh ea-coir is a’ gleidheadh iarmaid feirge nan cridhe, seadh agus a’ dioladh uilc arson uilc do’n mhuinntir a rinn coire dhoibh, ’s a’ gabhail tlachd ann dioghaltas, ge d’ tha so calg-dhireach an aghaidh iartuis an t soisgeil, eisempleir CHRIOSD agus natuir DHIA, Rom. xii. 14, 17. 1 Pead. ii. 21, 23. Neh. ix. 17. Gu [TD 125] cinnteach far a bheil an t olc so air ghoil ann sa chridhe, ’s a’ faotainn, cead tàmh a ghabhail, gun na h uile dicheal a dheanadh air fhuathachadh, air a chlaoidh agus air a chui’teachadh, tha’n duine fathasd ann am fior dhomhlas-sàth an t shearbhadais, agus ann am bàs a pheacai, Mat. xviii. 34, 35. 1. Eoin. iii. 14, 15. A leughadair, am bheil ni air bith dheth so a’ beantuin dhuitsa? ’m bheil thu ’n àire’ pàirt air bith do na chaidh ainmeacha? O rannsaich agus rannsaich a rìs; agus iarr gu soleimnt’ air do choguis i dheanadh a dleasnais. Is an-aobhinn dhuit gun amharus, mas e ’s gu faighear thu, ’n diaigh gach aidmheil mhaith a rinn thu, fui chumhachd ain-eolais no sao-chrabhuidh, an clàbar an t saoghail, an nimh a mhio-ruin; air do liona le barail mhoir air t fhireantachd fein; do chreide’ cealgach; agus rùn mearachdach is crioch thalmhaidh agad an seirbheis DHIA no fuath agad do fhior-theanndachd a lagha. Leigi ni air bith dhiu so fhaicinn gu bu diomhain t aidmheil, is nach raibh thu fui chumhachd na diadhachd.—Is amhuil a ni, 10. “Uabhar gun chlaoidh is gun chur fui chois.”—Nuair tha daoine ’g iarruidh [TD 126] cliu dhaoine ni’s mo na cliu DHIA, ’s a’ leagail an cridh’air meas agus urram dhaoine, ’s ni deirbhte gu bheil iad fathasd nam peacaidh, is gu bheil iad nan coigrich do fhior-iompacha, Eoin. xii. 43. Gal. i. 10. Nuair nach ’eil daoin’ a’ faicinn, a’ gearan, no ag caoidh ardain an cridhe, tha e soilleir gu bheil iad fathasd marbh ann am peaca. O, cia daingeann agus laidir an greim a th’ aig a pheaca so gu diomhair air moran do chridheachan, a tha nan coigrich orra fein co mòr is nach ’eil fhios ac air! Eoin. ix. 40. 11. “An-bharr graidh do shocair agus do sholas,” 2 Tim. iii. 4. Is dubh an suaicheantas so. Nuair tha daoine toirt do’n fheoil gach ni’s miann lei, ga sasucha ’s ga toileacha, gun ni air bith aicheadh no dhiulta dhi; nuair tha iad a’ gabhail mor-thlachd nan broinn is nam blas a thoileacha; ciod air bhith coslas a th’ air a mhuinntir sin bhi diadhaidh, tha iad gu h iomlan mi-fhallain, Rom. xvi. 18. Tit. iii. 3. A bheatha sin a thoilicheas an fheoil, cha’n ’eil e comasach gu toilich i DIA. “Iadsan a’s le CRIOSD cheus iad an fheoil,” is tha iad curamach gu cur na h aghaidh, agus gu cumail fui [TD 127] chois mar namhaid, Gal. v. 24. 1 Cor. ix. 25.—27. 12. “Leasg-thearuinteachd agus dochas dàna, gun bhunachar, gu bheil an staid cheana ceart,” Taisb. iii. 17. Tha moran a’ glaodhach sìth agus tearuinteachd, nuair tha leir-sgrios a’ teachd gu h obann nan co’ail, 1 Tess. v. 3. Is e so a chum na h òighean amaideach nan cadal nuair bu choir dhoibh bhi ’g obair; air an leapaiche nuair bu choir dhoibh bhi sa mhargadh, Mat. xxv. 5, 10. Seanr. x. 5. Cha d’thug iad fainear gu raibh iad gun ola gus an d’ thainig am fear-nua-posda! ’s am feadh a chaidh iad a cheannach, bha ’n dorus air a dhruideadh. O b’ fhear gu biodh na h oighean so gun luchd-leanmhuin aca! Ach cia ’n t aite, seadh, cia ’n teaghlach ach beag anns nach ’eil iad ri fhaotainn? Tha daoin’ arson an reusain is faoine ulla’ gu chur mar fhiach’ orra fein gu bheil an staid ceart: agus mar so cha’n ’eil suil aca ri atharracha, ’s tha iad a’ basacha nam peacaidh. Am bheil sìth agad? Feuch dhomh ciod an stèidh air am bheil i air a togail. Am bheil barantas agad air a son o fhacal DIA? an urr’ thu comharan an fhior-chreid’ich a leigeil fhaic- [TD 128] inn? am bheil-còdach’ agad gu bheil ni eigin annad nach ’eil ri fhaotainn sa chealgair? Mur bheil, tha do shith na h ion-eagail duit ni’s mò na aon trioblaid san t saoghal; oir cha’n ’eil namhaid air bith aig an anam is mò na ’n t sìth fheolar so, tha toirt buille-bàis da, nuair tha i ri gean is gàire na eudann. Air leam gu cluinn mi nis mo luchd eisdeachd a’ glaodhach amach leis na deisciobuil, “Co mata a bhitheas air an sabhala.” Thoir amach as ar co-thionail gach aon do na deich seortai mi-dhiadhai sin a chaidh ainmeacha ’n toiseach; is thoir a rìs amach gach aon don da-sheorta-dheug chealgairean fein-mhealltach sin a chaidh ainmeacha mu dheire, ’s innis domh mu’r tearc am fuighleach a bhitheas na dheigh sin air an sabhala? Cia beag an treud a bhios air fhagail, nuair a bhios iad so air fad air an cur a thaoibh leis na gabhraibh? Air mo shon fein deth, do’n àire’ lionar a tha gam eisdeachd, cha’n ’eil an fhiughair is lugh’ agam aon fhaicinn gu brath air neamh dhiu, a tha ri fhaotainn am measg an da-sheort’-ar-fhichead sin a chaidh ainmeacha; ni’s [TD 129] lugha na bhios iad air an toirt gu caochla staid le h aithreachas agus fior iompacha. AN CO-CHUR. A nis, a choguis, dean thusa do dhleasnas: labhair amach, is ruige’ do ghuth anam gach neach a leughas no dh’ eisdeas na nithe so. Mu gheibh thu aon sam bith air, do na comharaibh sin a chaidh ainmeacha, ’s eigin duit bìne thoirt amach, na aghai gu bheil e gun ag neo-ghlan, Lebh. xiii. 44. Na gabh breug a d’ bheul, is na labhair sith risan aig nach ’eil sith o DHIA. Na toir claon-bhreith arson an-miann air bith, is na deanadh fein-speis no bàigh ris an fheoil do dhalladh. Tha mise mar mhaor o chuirt neimh a’ sparragh ort teachd a thoirt seachad do chòdaich. Tha mi ga d’ ghairm ann ainm DHIA gu dol maille rium a rannsachadh an tighe tha fui amharus. Mar a fhreagras tu air a shon, air do chunthart, innis gu firinneach a chor agus a staid dhasan tha leughadh an leabhair so no ga eisdeachd. A choguis, an e gu fan thu gu tur ad thosd na leithid so do am? Tha mi ga d’ mhionnachadh air an DIA bheo gu ’n innis thu ’n fhirinn, Mat. xxvi. 63. Am bheil an duine iompaichte, no nach ’eil? Am bheil e ceadacha dha fein fuireach [TD 130] ann aon pheaca, no nach ’eil? Am bheil do rireadh gradh, agus umhlachd, agus urram aige do DHIA thar gach ni, no nach ’eil? Thig, cuir a chuis gu bun. Cia fhad a bhios an t anam so air a chumail ann amharus? O choguis, thig astigh le d’ chòdach. Am bheil an duine so na dhuine nuadh, no nach ’eil? Cionnus tha thu ga mhothachainn? An d’ thainig atharracha mor agus iomlan air, no nach d’ thainig? Ciod an t am, no ’n t aite, no ciod na meadhona leis an deachaidh an t atharrach’ iomlan so na h ath-bhreith a thoirt m’an cuairt na anam? Innis, a choguis; no mur urr’ thu ’n t am no ’n t àit’ innseadh, an urr’ thu dearbhadh a thoirt seachad o fhacal DIA gu bheil an obair deanta? An deachaidh an duine chur bhar a bhuinn fein; bhar an dochais mhealltaich agus na sìth mhealltaich as an raibh aon uair earbsa; An d’ fhuair e geùr-mhothachadh air a pheaca, ’s air a staid chaillte: ’n do chuir e cùl ri pheaca ’s ris fein, is an d’ thug e suas e fein gu h iomlan do IOSA CRIOSD? Co dhiu tha chuis mar so, no tha e fathasd fui chumhachd ain-eolais, agus an salchar na h aingidheachd? Nach [TD 131] d’ fhuair thu ’n a lamhan buannachd an eas-ionracais? Nach ’eil e ain-eolach air urnaigh; dearmadach air an fhacal, gradhach mu ’n t saoghal? Nach do ghlac thu iomad uair ann am breig e? Nach ’eil thu faotainn a chridhe iomad uair air ghoil le mi-run, a’ losga’ le an-miann, no ’g aoma gu sannt? Labhair gu soilleir mu thiomchiol gach ni chaidh ainmeachadh an urr’ thu ’n duine so, no bhean so, shaoradh o bhi measg aon air bith do ’n da-sheort’-ar-fhichead sin a chaidh a chur asios ann ordugh. Ma tha e ri fhaotainn a measg aon diu, cuir a thaoibh e; cha’n ’eil a chrannchar am measg nan naomh; is eigin da bhi air iompacha ’s air a dheana na nua-chreatuir, air neo cha’n fheud e air chor air bith dol asteach do rioghachd DHIA. A mhuinntir ghradhach, na meallaibh sibh fein, is na cuiribh lamh ’n ur n anam, le sibh fein a dhalla, ’s le’r suilean a dhruideach air ur staid. Cuiribh cathair-bhreitheanais asuas nur n uchd fein, thugaibh am focal agus a choguis cuideachd: “Gus an lagh is gus an teisteas,” Isai. viii. 20. eisdibh ciod tha ’m facal ag rà mu thiomchiol ur staid; agus O guidheam oirbh na sguiribh [TD 132] gu brath do ’n rannsacha gus am faic sibh ur staid gu soilleir. Is ionan agus bàs mearachd a dheana sa ghnothach so. Agus thugaibh fainear gu bheil faill a chridhe, carachd a bhuaireadair, agus mealltaireachd a pheacaidh, uile nur n aghaidh, is ag co-chuideachadh a cheile chum an t anam truagh a mhealla, Ier. xvii. 9. 2 Cor. xi. 3. Eabh. iii. 13. Seadh is tha e co fhuras agus co bitheanta le daoine bhi air am mealla sa chuis so, ’s gu bheil an tuiteamas is mo gu d’ theid sibhsa cuideachd am mearachd, ni’s lugha na bhios sibh ro-fhaicilleach agus mionaideach ’n ur staid spioradail a rannsacha, ’s ro-churamach gun bhàigh air bith a chumail ribh fein. Air an aobhar sin thugaibh ro-aire do’n obair so: rannsaichibh ur cridhe gu ghrunnd: iarruibh ur caithe-beatha gu mion, mar gu b’ ann le coinnlean, agus thugaibh gach ni gu thomhas air meigh an teampuill, focal DIA.—Na biodh earbs’ agaibh as ur cridheacha fein. Rachaibh ionnsuidh DHIA, “fear-sgrudai cridhe ’s airne clainn nan daoine,” chum ur rannsacha ’s ur fidreachduin; ur ceasnachadh agus ur dearbhadh, Salm. xxvi. 2. agus cxxxix. 23, 24. Ma’s e ’s nach fogh- [TD 133] ainn gach cuideachadh eile gus an gnothach so thoirt gu crich, is gu bheil sibh fathasd ann an ag, leigibh ris ur staid gu h iomlan ri ministeir eigin diadhaidh agus dileas, Mal. ii. 7. Na gabhaibh fois gus an cuir sibh ur slainte shiorruith as an ag, 1 Pead. ii. 10.—O Thus’ a sgrudas an cridhe, cuir an t anam so dh’ ionnsui na h oibre so, agus cuidich leis e fein a rannsacha! CAIB. V. A’ feuchainn truaighe eagalaich na muinntir neo-iompaichte. IS co eaglach oiscionn cainnt an staid sam bheil gach aon anam neo-iompaichte, ’s gur tric a smuainich mi nan rachadh agam air a chur ann ceill do dhaoine nach raibh iad fathasd air an ath-ghintein, gu raibh m’ obair deanta. Ach tha fiosracha goirt agam gu bheil spiorad cadail agus suain’ air faotainn greim co daingeann air daoine mi-naomha (Rom. xi. 8. Mat. xiii. 15.) ’s ge d raibh iad deirbhte gu bheil iad fathasd neo-iompaichte, gidheadh gu suidh iad a sios gu bitheanta nan neo-churam, gun a bheag do iom-guin. Tha [TD 134] ’n air’ air a tarruing air falbh le solais fheolar, le gnothaiche saoghalta, no le curam, an-mianna, ’s aigne talmhaidh, Luc. viii. 14. co mòr as gu bheil guth an coguis air a mhùchadh, air sheol as nach ’eil iad a’ toirt dha do fhreagradh ach ath-chuinge fhuar, no rùn faoin gu dean iad uair-eigin aithreachas agus leasacha-beatha, Gniomh. xxiv. 15. Air an aobhar so tha e ro-fheumail cha’n e mhain gu leiginn fhaicinn do dhaoine gu bheil iad neo-iompaichte, ach mar an ceadna gun oidheirpichinn an toirt gu mothachadh air truaighe eagalaich an staid. Ach tha mi faicinn cheana gu bheil a chùis so cruaidh orm. Ciod an teanga tha comasach air meud an truaighe a leige ris do oigreachan ifrinn, amach o theangaidh an duine shaihhir a tha ga chlaoi san lasair sin? Luc. xxi. 24. No co ’s urra truaighe na muinntir sin a chur an ceill “aig nach ’eil DIA ann san t saoghal?” Ephes. ii. 12. Cha’n urra sinn so a chur an ceill, o nach aithne dhuinn an sonas neo-chriochnach a tha ri fhaotainn san DIA uile-bheannuichte sin o’m bheil daoin’ air an cumail amach le’m peacai. “Co (arsa Maois) a thuigeas [TD 135] cumhachd t’ fheirge?” Salm. xc. 11. ’S cionnus a chuireas mis’ an ceill an ni sin nach aithne dhomh? Gidheadh tha fios againn air gu leor, shaoilemid, gu ball-chrith chur air neach air bhith aig a bheil an deo ’s lugha do bheatha spioradail no do mhothacha. Ach so far a bheil an cruai-chàs, gur ann ris a mhuinntir sin aig nach ’eil mothacha tha mi ni’s a dol a labhairt. So, mo thruaighe! a chuid is measa do dhorainn dhaoine; a bhi marbh, glan mharbh am peacadh agus ann aingidheachd, Ephes. ii. 1. Ge b’ urra mi Pharras a leige’ ris do’n pheacach, no sealla co shlathail a thoirt da air rioghachd Neimh, as a thug an t Aibhisteir d’ar Slanui’ear air rioghachdan an t saoghail so agus air an glòir: no ge b’ urra mi ’n còdach a tharruing thar uachdar ifrinn, agus an fhurnais iochdrach a leige’ ris le làn do uabhasaibh, och! cha’n ’eil suilean aige-san gu so fhaicinn, Mat. xiii. 14, 15. Ge b’ urra mi maise na naomhachd agus gloir an soisgeil a chur gu h iomlan ann ceill, no ge b’ urra mi uabharrachd agus gràinealachd a pheacaidh a sgaoile’ ris da, cha mho is lèir dhasan maise na diadhachd [TD 136] no grainealachd a pheacai, na ’s lèir do’n duine dhall dáthan. Tha e na choigreach do bheatha DHIA, trid an ain-eolais a th’ ann, a thaobh cruas a chridhe, Ephes. iv. 18. Cha’n ’eil, is cha’n fheud, eolas a bhi aig’ air nithe DHIA do bhrì gur ann air mhodh spioradail a thuigear iad, 1 Cor. ii. 14. Cha’n fheud a shuilean a bhi air am fosgladh air mhodh slainteil, ach amhain le gras an iompachai, Gniomh. xxvi. 18. is ann do chlainn an dorchadais e, ’s tha e ’g imeachd an dorchadas, 1 Eoin. i. 6. seadh, an solus a th’ annsan is dorchadas è,” Mat. vi. 23. An leugh mi do’n duine so a bhìne, no ’n sèid mì na chluais trompaid eagalach breitheanais DE, a shaoileadh aon a bheireadh air a chluasan mosgladh, air uilt fuasgla, ’s air a ghlùine’ bualadh air a cheile, mar a dh’ eirigh na gheilt fein do Bhelshasar? Gidheadh, mo thruaighe! cha mothaich e dhomh cha’n ’eil cluasan aige gu m’ chluinntinn. No’n cuir mi suas binn-cheol, is an seinn mi oran Mhaois agus an Uain? Cha ghluais so cuideachd e. An tarruing mi e le fuaim bhinn is le nuaidheachd ait an t soisgeil; leis gach cuire, cofhurtachd agus [TD 137] gealla solasach agus priseil a th’ ann? So uile cha druigh air, air mhodh slainteil, mur toir mi dha, maille ris an nuaidheachd, cluasan a chum a chluinntin, Mat. xiii. 15. Cionnus mata dhruigheas mi air na creatuire truagha sin ris a bheil mo ghnothach? co mhaothaicheas an cridhe cloiche? Sech. vii. 11, 12. no bheir do’n cholainn mhairbh comas mothachaidh agus gluasaid? Co ’s urra so a dheanadh ach an DIA sin amhain ata “comasach air clainn a thogail asuas do Abraham as na clachaibh,” Mat. iii. 9. “a dhùisgeas na mairbh,” 1 Cor. i. 9. agus “a leaghas na cnuic,” Nah. i. 5. an DIA sin a bheir air uisge brùchdadh as a charraig chruaidh, Deut. viii. 15. is leis an ionmhuinn na h oibre sin tha, cosail ris fein, mor agus miorbhuileach. oiscionn dòchais agus dùil dhaoine: an DIA sin a dh’ aiticheas eaglais le cnamha tiorma, Esec. xxxvii. 4. ’s a phlanndaicheas a ghàrra le crainn chrionaich, Caib. xvii. 24.—is esan amhain tha murrach arson na h oibre so. “Air an aobhar sin tha mis’ a’ luba mo ghlùin ris an DIA is airde,” Eph. iii. 14. agus mar a ghuidh ar Slanui’ear aig uaigh Lasaruis, Eoin xi. 38, 41. is mar a ruith a [TD 138] bhan-Shunamiteach gu faidh DHIA arson a leinibh mhairbh, 2 Righ. iv. 25. is amhlui tha ur ministeir brònach-sa nis a’ lubadh a ghluin oiscionn ur n uaighe, ’s ga’r giulan an glacaibh urnaigh, gus an DIA sin tha mhain comasach air cabhair oirbh. “O IEHOVAH uile-chumhachdaich, a dh’ oibricheas agus gun chomas do neach air bith do bhacadh! aig a bheil iuchair a bhais agus ifrinn, gabh thusa trua’s do na h anama bochda sin tha marbh san aite so, ’s abair riu teachd amach as an uaigh, mar a thubhairt thu ri Lasarus. O Sholuis gus nach feudar teachd am fagus, soillsich thus’ an dorchadas so, ’s orduich do’n mhadain dealradh air aite-conui nam marbh sin ris am bheil mis’ an dràs a’ labhairt; oir is urra thusa suilean nam marbh fein fhosgla. Thus’ a dhealbh a chluas, nach ann uait a thig comas eisdeachd? abair ris na cluasa so Ephphatha agus biaidh iad air am fosgla. Thoir suilean seachad a dh’ fhaicinn t oirdheirceis, beul a bhlasad t fhocail, tha milis mar mhil agus cubhrai mar ola; ’s thoir mothacha seachad a thoirt fainear cia maith t fhabhar, cia trom do chorruich, [TD 139] is cia do-ghiulan uallach a pheacai. Thoir ordugh do d’ sheirbheisiche fài’sneachd a dheana do na cnamha tiorma, ’s biodh iad air an tionnda, mar thachair dhoibhsan ris an do labhair am faidh, gu armailte bheo agus anbharr lion’ar,” Esec. xxxvii. 1. &c. Ach is eigin domh dol a leige’ ris a mheud agus is urra mi do’n diomhaireachd sin nach urra teanga sam bith a leige’ ris gu leor, no cridhe sam bith a lan-thuigsinn.—Gu bràth mata gus an iompaichear thu, 1. “Tha ’n t Uile-chumhachdach air a dhaighneacha fein a t aghai.” Cha bheag an cuibhrionn do d thruaighe gu bheil thu gun DIA air bith ann san t saoghal, Ephes. ii. 12. Cia goirt tha Micah a’ caoidh, “Thug sibh leibh mo dhè, agus ciod tha agamsa tuille?” Breith. xviii. 24. ’S cia mò gu mor a dh’ fheudas tus’ a chaoidh gu bheil thu fein gun DIA; oir cha’n fheud thu rà, gun an dànadas is mò gu bheil pairt air bith agad dheth! Feudai tus’ a rà mu thiomchiol DHIA, mar thuirt Sheba mu thiomchiol Dhaibhi’, “Cha’n ’eil cuid air bith againne ann Daibhi’ ’s ni mo tha oighreachd againn ann am mac Iesse.” [TD 140] 2 Sam. xxi. 1. Cia brònach agus goirt an acain sin aig Saul na airc, “Tha na Philistinich air eir’idh am aghaidh agus rinn DIA mo threigsinn!” 1 Sam. xxviii. 15. Ach ciod a ni sibhs’ a pheacacha, san la sin an tig DIA gur n amharc, no c’ ait an teich sibh arson coghnai? Isai. x. 3. Ciod a ni sibh san uair a thig na Philistinich oirbh fein; nuair a ghabhas an saoghal gu brath a chead dhibh; ’s nuair is eigin duibhsa cuideachd ur cead a ghabhail gu brath do’n t saoghal, do’r cairdean agus do’r fearann? Ciod ann sin a ni sibhs’ aig nach ’eil DIA air bith gus an d’ theid sibh? An gairm sibh air ann sin; no’n glaodh sibh ris arson cuideachaidh? Och! cha gabh e ribh, is cha toir e idir fainear sibh , Seanr. i. 28, 29. is ann a chuireas e air falbh sibh le rà, “Cha b’ aithne dhomh riamh sibh,” Mat. vii. 23. Iadsan aig a bheil fios ciod e DIA bhi aca ri dol gu ionnsuibh, DIA gu beatha fhaotainn uaithe; tha caileigin do fhios aca-san cia truagh agus eagalach an ni bhi as eugais DIA. ’S e so thug air an duine naomha sin glaodhach amach, “Biodh agamsa DIA, air neo biom falamh: faigheam eolas air fein agus air a thoil; ciod is aill leis, agus cionnus a, [TD 141] mhealas mi e; air neo b’ fhearr leam nach raibh riamh tuigs’ agam gu eolas fhaotainn air aon ni eile.” Ach cha’n e mhain gu bheil thu as eugais DHIA, ach tha DIA ann a t aghaidh, Esec. v. 8, 9. Nah. ii. 13. O nan seasa DIA na thàmh, ge nach deanadh e cuideacha sam bith leis a pheacach, cha bhiodh a staid co anbharr truagh ge d’ bheireadh DIA suas e gu toil a naimhdean, a dheana ris na b’ aill leo; ge d’ bheireadh e thairis e do na ceusadairibh, Mat. xviii. 34. a chum a bhi air a chlaoidh is air a reuba le h aibhisteiribh, cha bhiodh so co leth eagalach. Ach cuiri DIA e fein ann aghaidh a pheacaich; agus creid e, is eagalach an ni tuiteam ann lamhan an DE bheo,” Eabh. x. 31. Cha’n ’eil caraid cosail ris, no namhaid coimeas da. Co fhad is a tha neamh oiscionn na talmhainn agus cumhachd neo-chriochnach oiscionn neo-ni, ’s co fhad is sinn a tha e ni ’s eagalaiche tuiteam ann lamhan an DE bheo, na ’n lamhan gach aibhisteir ann ifrinn, is gach fia-bheathaich air thalamh. ’S e DIA fein a bhios na fhear-claoidh ort; is thig do sgrios o lathair an TIGHEARNA, 2 Tess. i. 9. “Tha Tophet domhain agus fairsing, is tha cor- [TD 142] ruich an Thighearna ga lasadh mar shruth pronnuisc,” Isai. xxx. 33. Ma bhios DIA a t aghai, co bhios air do fhon? “Ma pheacaicheas duin’ ann aghai duin’ eile, bheir am breithe’ breitheanas air; ach ma pheacaicheas duine ’n aghai DHIA, co labhras air a shon?” 1 Sam. ii. 25. “Tha thusa, thusa fein ad chùis-eagail; agus co sheasas ad lathair aon uair ’s gum bi corruich ort,” Salm. lxxvi. 7. “Co e ’n dia sin a theasairgeas sibh as a lamhan-san?” Dan. iii. 15. An urra Mammon? “Cha’n ’eil buannachd air bith ann saibhreas ann là na feirge,” Seanr. xi. 4. An urra righre no daoine cumhachdach? Cha’n urra: “glaodhaidh iad so ris na sleibhte ’s ris na creaga tuiteam orra, ’s am falach o ghnuis na Ti tha na shuidhe air an ri’-chathair, is o fheirg an Uain; oir thàinig là mor fheirge-san, agus co ’s urra seasamh?” Taisb. vi. 15,—17. A pheacaich! shaoilinn gu feuda so dol roi’ d’ chridhe mar shaighid, fios fhaotainn gur e DIA do namhaid: O, c’ ait’ an d’ theid thu? c’ ait’ an gabh thu fasga? cha’n ’eil feol air bith agad air bhi tearuinte, gun t airm a leaga sios, gun mhaitheanas a [TD 143] ghuidhe, ’s gun CHRIOSD fhaotainn mar do charaid, a dheana’ do shìth ri DIA. Mur bhitheadh so, dh’ fheuda tu teiche’ do’n fhasach, is dol gu bas le bròn, le an-dochas, agus le doilghios cridhe: ach ann an CRIOSD tha e comasach dhuit trocair fhaotainn, seadh tha trocair ann ad thairgse, ’s DIA bhi leat ni’s mò na tha e ’n dràs a t aghaidh. Ach mur treig thu do pheacaidh, is mur pill thu ri DIA gu h iomlan le fior-iompacha, tha corruich DHIA ag leantuinn riut is tha e ’g innse’ gu bheil e t aghai, mar tha e ’g rà leis an fhaidh Eseciel, caib. v. 8. “Uime sin mar so a deir an TIGHEARNA DIA, Feuch, tha mise, eadhon mise fein a t aghai.” 1. “Tha a ghnuis a t aghai,” Salm xxxiv. 16. “Tha gnùis DE ’n aghai nan daoi, gu’n cuimhn’ a sgrios o’n talamh.” Mo thruaighe iadsan aig am bi gnuis DHIA nan aghai. Nuair nach d’ rinn e ach sealtuinn air feachd nan Eiphteach, cia uabhasach mar thachair dhoibh! Esec. xiv. 8. “Cuiri mise mo ghnuis ann aghaidh an duine sin, agus ni mi na chomhara ’s na ghnà-fhocal e, agns gearrai mi e mach a meadh- [TD 144] on mo phobuil, agus aithnichi sibh gur mis’ an TIGHEARNA.” 2. “Tha a chridhe t aghaidh; oir is fuath leis gach uile luchd-dheanai na h ea-corach. A dhuine, nach ’eil crith air do chridhe, nuair a smuainicheas tu gu bheil thu ’d chuspair fuaith do’n Uile-chumhachdach? Ier. xv. 1. “Ge do sheasadh Maois agus Samuel am lathair, gidheadh cha bhiodh m’ intinn leis a phobul so; tilg iad amach as mo shealla,” Sech. xi. 8. “Tha gràin aig m’ anamsa dhoibh-san, is tha fuath aig an anama-san dhomhsa.” 3. “Tha a lamh a t aghai,” 1 Sam. xii. 14, 15. Tha a bhuaidhean air fad a t aghai. (1.) Tha a cheartas mar chloidhe’ lasrach air a rusgadh ann a t aghai: “Ma gheuraicheas mi mo chloidhe’ dealrach, is ma ghabhas mo lamh greim air breitheanas, bheir mi dioghaltas dom naimhdean, agus luidheachd do’n mhuinntir leis am fuathach mi, cuiri mi mo shaighdean air mhisg le fuil, &c.” Deut. xxxii. 41, 42. Tha ceartas DHIA co teann as nach saor e air chor air bith an cionntach, Exod. xxxiv. 7. Cha toir DIA maitheanas duit san ainmheach, “cha mheas e air chor sam [TD 145] bith neo-chionntach thu.” Exod. xx. 7. iarruidh e uait an t iomlan, ni’s lugha no ’s urr’ thu leigeil fhacinn o’n scrioptur gu d’ thug CRIOSD dioladh air do shon, is gu bheil coir agads’ air gach ni rinn e. Gus am faigh am peacach dùsgadh as a chadal sin ann san raibh an t aibhisteir ga luasga, cha lèir dha gu bheil ceartas DHIA co teann: tha e saoilsinn gu bheil e air a dheana suas air fad do throcair. Tha ceartas DHE co teann as gu feum e dioladh fhaotainn gus an fheoirling dheireannach: tha e glaodhach feirg agus corruich, trioblaid agus amhghair air gach aon anam a ni olc” Rom. ii. 8, 9. Tha e “mallacha gach aon neach nach buanaich anns na h uile nithe tha sgriobhta san lagh a chum an deana,” Gal. iii. 10. ’S nuair a shuidheas an ceartas so chum breitheanas a thoirt air a pheacach, O cia eagalach a bhios am bìne! “Ceanglaibh eidir lamhan agus chasan e, agus tilgibh ann iomal dorchadais e: ann sin bithidh gul agus gioscan fhiacal,” Mat. xxii. 13. “Imichibh uams’ a mhuinntir mhalluichte, dh’ ionnsui teine shiorruith”, Mat. XXV. 41. So bìne eagalach ceartais DE; agus so an cruai-cheartas leis an eigin [TD 146] duitsa bhi air do dheuchainn, O pheacaich! agus mar is beo DIA, so am bìne ’s eigin duit a chluinntin, mur dean thu aithreachas agus mur bi thu air t iompacha. (2.) “Tha naomhachd DHE làn naimhdeanais a t aghai,” Salm v. 4, 5. Cha’n e mhain gu bheil corruich no diomb aige riut air uairibh (mar a dh’ fheudas bhi aige r’a chloinn fein) ach tha fuath daingean, laidir, agus suidhicht’ aige dhuit. “Tha gràin aige dhuit fein,” Sech. xi. 8. is do gach ni a ni thu, ge d’ raibh e air aìthne’ leis fein, Isai. i. 14. Mal. i. 10. Tha natur DHIA co naomh, as gur eigin fuath bhi aige do gach peacach air bith amach a CRIOSD. O, cia mor an truaighe fo, a bhi ’n taobh amach do ghean-maith, seadh fui chorruich DHIA! Eccles. v. 6. Hos. ix. 15. Oir cha’n urra DIA, ni’s lugha na mhùthas e a natur, gun bhi t aghai, ’s gun fhuath thoirt duit, mur bi thu air t atharracha ’s air t ath-nuadhacha le gràs. O pheacaich! cionnus a dh’ fheudas tusa sealltuin air glaine agus naomhachd DHIA! “Cha’n ’eil na reulta glan na shealla-san,” Iob. xxv. 5. “Tha e ga irisleacha fein a dh’ amharc air na [TD 147] nithe tha gan deanadh air neamh,” Salm cxiii. 6. Agus cionnus a dh’ fheudas an Ti naomha, ’s an t suil fhior-ghlan so, amharc ortsa?—’S cha mhò dh’ fheudas suil a bhi agad gu tagair CRIOSD do chùis; oir cha’n ’eil cuid air bith agad dhethsan. Ma tha chuis mar so mata, nach ’eil thu nis ulla’ gu rà le h eagal mar a rinn muinntir Bhetsemeis, “Co dh’ fheudas seasamh ann lathair an TIGHEARNA DIA naomha so!” 1 Sam. vi. 20. (3.) “Tha cumhachd DHIA mar chanan millteach air a shocruchadh a t aghai.” Tha gloir cumhachd DHIA ri bhi air a foillseachadh an sgrios na muinntir sin nach ’eil a’ toirt geill do’n t soisgeul, 2 Tess. i. 8, 9. Ni e “a chumhachd aithnicht’ annta,” Rom. ix. 22. a leigeil fhaicinn cia uabhasach is urr’ e ’n claoidh. Arson na crìche so tha e gan togail asuas “a chum as gu foillsich e annt’ a chumhachd,” Rom. ix. 17. O dhuine! ’m bheil thusa comasach air cur ann aghai do Chruthai’ir? An seas a chuiseag ann aghai corrain a bhuanaiche? no’n duilleag sheargta roi’ sguaba na garbh-dhoininn? A pheacaich, tha cumhachd feirge DHE [TD 148] ann a t aghai; Salm xc. 11. agus nuair a bhios cumhachd agus corruich ag oibreacha le cheile, ’s truagh aon duin’ air an tuit iad. B’ fhearr dhuit an domhan air fad a dh’ eir’idh ann a t aghai, na DIA na aonar a bhi ’n corruich riut. “Tairneanach a chumhachd-san co dh’ fheudas a thuigsinn,” Iob xxvi. 14. Mo thruaighe esan dan eigin so a thuigsinn le bhi ga fhulang gu siorruith! “Ma ni e strì ris, cha’n urr’ e freagra thoirt da arson aon ann am mìle: tha e glic an’ cridhe, ’s treun an’ neart, co riabh a chruadhaich e fein na aghai ’s a thug buaidh air? Is e dh’ atharraicheas na sleibhte ’s gun fhios ac’ air, is a thionndas iad bun oiscionn na chorruich; ’s e chrathas an talamh as aite, ’s a chuireas air chrith a phropa: ma bheir e aìthne do’n ghrein cha’n eirigh i; ’s tha na reultan air an glasadh asuas leis? Feuch, bheir e leis, agus co dh’ fheudas na bhaca; no co their ris, Ciod a tha thu deana? Mur pill DIA air falbh a chorruich, cromai na trèin uaibhreich asios fuidh.” Iob ix. 3. &c. Agus am bheil thus’ iomchuidh air blàr a chumail ri leithid so do namhaid? “O! thugaibh fainear so, [TD 149] sibhs’ a tha deana dearmaid air DIA, eagal gu reub’ e sibh nur bloide ’s gun neach a bhi ann dur teasairginn,” Salm l. 22. Striochdaibh do throcair; na seasa duslach agus luaithre ’n aghaidh an uile-chumhachdaich: na curibh dreasan agus droigheam roimhe sa chath, mun d’ theid e rompa ’s mun loisg e le cheil’ iad; ach deanuibh greim air a neart, agus “deanuibh sìth ris,” Isai. xxvii. 4, 5. “Mo thruaighe esan a ni strì r’a Chruthai’ear,” Isai. xlv. 9. (4.) “Tha gliocas DE ann an tì air do mhilleadh.” “Mur pill thu, chuir DIA faobhar air a chloidhe’, lùb e a bhogha, dheasaich e a shaighde, ’s rinn e acuinn-bhàis air fad ullamh,” Salm vii. 12, 13.—Tha comhairle DHE ann a t aghaidh, a dhealbh do sgrios, Ier. xviii. 11. Ni e fanoid ort nuair a thig là do theinn ort, Salm xxxvii. 13. Tha e faicinn gu bheil an latha dlù ann san tuit thu gu leir-sgrios obann, as nach ’eil gu brath tearnadh. (5.) “Tha firinn DHE air toirt mionn a t aghai,” Salm xcv. 11. Mata esan fior, is eigin duit basacha ma theid thu air t aghai, Luc. xiii 3. Mur breugaichear esan [TD 150] na fhacal, is eigin duit dol am mugha mur dean thu aithreachas, Esec. xxxiii. 11. “Mur creid sinne, gidheadh tha esan a’ fantuinn firinneach, cha’n ’eil e ’n comas da e fein aicheadh,” 2 Tim. ii. 13. tha e firinneach na bhagra co maith agus na ghealla, mar a dhearbhas e nar sgrios ni’s lugha na chreideas sinn. Dh’ innis DIA co soilleir as a dheana cainnt e, “Mur nigh eisin thu, nach ’eil cuid agad maille ris,” Eoin. xiii. 8, “ma chaitheas tu do bheatha reir na feola gu faigh thu bàs,” Rom. viii. 13. is mur bi thu air t iompacha, “nach d’ theid thu air chor sam bith asteach do rioghachd neimh,” Mat. xviii. 3. Agus, ma chreideas no nach creid thus’ e, seasai DIA aig fhacal. Mar tha ghealla neo-chaochlaideach agus a mhionn, nan co-fhurtachd laidir do’n dream a chreideas, Eahh. vi. 18. is amhlui tha iad nan uabhas eagalach do’n dream nach creid. Innis domh, O pheacaich, ciod i do bharail air bagraidh uabhasach DHIA, th’ air an cur asios a t aghaidh? Am bheil no nach ’eil thu creidsinn gu bheil iad fior? Mur bheil, cha Chriosduidh thu ach mi-chreideach; is air an aobhar sin buini dhuit cùl a chur ri ainm agus ri dochas a Chriosduidh. [TD 151] Ach ma tha thu gan creidsinn, O cia cruai’ agus do-lùbai do chridhe, nuair tha thu siubhal anios agus asios am fois, tra tha thu faicinn firinn DHIA mionnaicht’ agus leagta ri d’ sgrios! air chor as ma ’s urra ’n t Uile-chumhachdach ann, gu bi thu gu cinnteach air do mhille’ ’s air do dhamnadh. O dhuine! tha leabhar DHIA gu h iomlan a’ togail fianuis a t aghaidh, am fad as a tha thu gun naomhacha; tha e ga d’ dhiteadh anns gach earrainn, is tha e dhuit cosail ri rola Eseciel, “sgriobht’ ann taobh amach agus astigh le tuireadh, is le bròn, is le truaighe,” Esec. ii. 10. ’s cha’n ’eil ni dhiu so nach lean thu agus nach glac thu, (Deut. xxviii. 15.) ni’s lugha na ni thu aithreachas. “Theid neamh agus talamh thairis, ach cha d’ theid aon lide no aon phuinc do na nithe so thairis, gun bhi air an coilionadh,” Mat. v. 18. A nis cuir so uile ri cheile, ’s innis domh mur ’eil staid na muinntir neo-iompaichte truagh agus eagalach do rireadh. Mar tha sinn a’ leugha mu thiomchiol cuid a cheangail iad fein le mionnan agus mallacha gu marbhadh iad Pol, is amhluidh, O pheacaich, (eisd so le h eagal) tha uile bhuaidhean [TD 152] an DE uile-chumhachdaich air an ceangal le mionn gu thus’ a mhilleadh, Eabh. iii. 18. O dhuine! ciod a ni thu? c’ait’ an teich thu? ma’s urra uil-fhiosracha DHIA t fhaotainn amach, cha d’ theid thu as; ma sheasas an DIA fior r’a mhionnan, is eigin gu basaich thusa, ni’s lugha na chreideas tu ’s a ni thu aithreachas: ma tha do neart aig an Uile-chumhachdach nas urra do chlaoi, biaidh tu làn-thruagh a’ t anam is a d chorp, fad saoghal nan saoghal, ni’s lugha na bhacas tu an dorainn so le grad iompacha. II. “Tha cruthacha DHIA gu h iomlan a t aghai.” “Tha ’n cruthachadh uile (arsa Pol) ag osnaich agus am pèin mar mhnaoi ri saothair,” Rom. viii. 22. Agus c’arson tha ’n cruthacha ’g osnaich, ach arson a mhi-ghnathachaidh oillteil gam bheil e buailteach ann am fritheala do an-mianna dhaoine peacach? C’ arson tha e ’g osnaich ach arson saorsa o’n mhi-ghnathacha so; oir cha’n ann le thoil a tha ’n cruthacha fui leithid so do dhaorsa? Rom. viii. 19—21. Nam biodh cainnt agus reusan aig na brùidean is aig a mharbh-chruthacha, ghlaodhadh iad amach fui ’n daorsa do-ghiulan so leis am bheil iad air am mi-ghnathacha le droch [TD 153] dhaoine, fad’ ann aghaidh an natuir agus na criche sin gus an do chruthaich DIA iad. Am fad is a bhios TIGHERNA nam feachd a t aghai, bi cinnteach gu bi feachd an TIGHEARNA ann a t aghai cuideachd. Gus an dean thu cumhnanta do shìth ri DIA, cha toir DIA gu bràth dhuit cumhnanta sìth ris a chruthacha, Iob. xxii. 21—24. Hos. ii. 18—20. III. “Tha aig an leoghann bheucach a làn-chumhachd os do chionn.” 1 Pead. v. 8. Tha thu glaist’ ann an ìonan an leoghain sin tha ulla’ gu sluga; tha thu ’n rib an aibhisteir, aig am bheil thu air do bheo-ghlaca chum a thoile, 2 Tim. ii. 26. Is e so an spiorad tha ’g oibreachadh an’ clainn na h eas-umhlachd, Eph. ii. 2. Is ann da tha iad nan traillean, agus is i thoil a tha iad a’ deana. ’S esan fear-riaghlai dorchadais an t soaghail so, Eph. vi. 12. aig am bheil uachdranachd oscionn pheacach dorcha agus ain-eolach. Is truagh leibh na h Innseanaich tha toirt aora do’n Aibhisteir, ach cha’n ’eil sibh a’ toirt fainear gu bheil sibh fein ris an ni cheudna; oir is i so truaighe choitcheann na muinntir mhi-naomh air fad, gur e ’n t Aibhisteir is dia dhoibh, 2 Cor. [TD 154] iv. 4. Cha’n e gu bheil na ’n aire urram no aoradh a thoirt da, oir bheir iad dùlan do aon neach a theireadh e; gidheadh tha iad fad a h uine ri seirbheis da; a falbh agus a’ teachd air a smèide, ’s a’ caitheadh am beatha f’a uachdranachd agus f’a lagh. “Is seirbheisich sibh do’n ti sin d’ am bheil sibh a’ toirt seirbheis agus umlachd,” Rom. vi. 16. Cha’n e seirbheis a thoirt do’n Aibhisteir, ach a phrodhait fein, a tha ’n rùn a bhreugair, gidheadh is e so maighstir a tha ga bhrosducha ge nach ’eil e ga fhaicinn, ’s a cur na chridhe nan nithe sin a tha e labhairt, Gniomh. v. 3. Eoin viii. 44. Nuair a reic Iudas a mhaighstir arson airgid, ’s nuair a spùil na Caldeanaich ’s na Sabeanaich Iob, is cinnteach nach e ’n t Aibhisteir a thoileachadh an rùn a bh’ aca na dheanadh, ach an cridhe sanntach fein a shasucha; gidheadh is esan a bhrosduich iad ionnsuidh na h oibre, ’s a chuir air an aghaidh iad nan aingidheachd, Eoin xiii. 27. Iob i. 12, 15, 17. Feudai daoine bhi nam fior-thraillean do’n Aibhisteir is gun iad fein a bhi ga thoirt fainear, ’s a bhi fui shalbhruidh aige-san nuair tha iad gu h amaideach a’ saoilsinn gu bheil iad saor agus sona, 2 Pead. ii. 19. [TD 155] Am bheil thu fathasd ann ain-eolas, gun bhi air do thionnda o dhorchadas gu solus? mata, tha thu fui chumhachd an Aibhisteir, Gniomh. xvi. 18. Am bheil thu ann ad chaithe-beatha cleachdta ri peaca sam bith a chur an’ gniomh le d’ thoil agus le d’ fhiosracha? ma tha, bi cinnteach gur ann do’n aibhisteir a bhuineas tu, 1 Eoin iii. 8. Am bheil do chaithe-beatha ann an strì, no am farmad, no am mi-run? gu deimhin ma tha ’s esan is athair dhuit, Eoin viii. 40, 41. O mata cia eagalach do chor! oir ciod air bith solas a bheir Satan da thraillibh san t saoghal so, Tit. iii. 3. cha’n ’eil e ga dheanadh ach a chum am mealla na dheigh gu truaighe shiorruith san t saoghal eile. Tha an nathair (mar a thainig i gu h Eubh) a’ teachd a t ionnsui le ubhal na beul, ach cha leir dhuit an gath bàsar a th’ air a chùl. Esan a tha ’n dràs ga d’ bhuaire’ ni e do chlaoi fathasd. O, nach b’ urra mi fheuchainn duit cia duaichnidh am maighstir dam bheil thu toirt seirbheis, cia trailleil t obair, is cia neo-iochdmhor an t ain-tighearna sin a tha thu toileacha, leis nach ’eil ni air bith co taitneach ri bhi ga d’ bhrosducha gus an obair sin a ni do sgrios agus do dhamna cinn- [TD 156] teach, agus ri bhi deana na furnais sin ni’s teotha ’s ni’s teotha, ann san eigin duitsa bhi ga d’ losga fad mhìlte do mhìltibh aimsir! IV. “Tha cionnta do pheacai na luidhe’ air do mhuin mar bheinn, am fad as a tha thu neo-iompaichte.” Anam thruaigh! cha’n ’eil thusa ga mhothacha so, ni’s mò na mhothaicheas a cholann mharbh an leac a tha na luidhe orra: agus is e thu bhi marbh mar so tha fagail do thruaighe iomlan. Gun iompacha cha’n fheud aon do d’ pheacai bhi air an dubhadh amach, Gniomh. iii. 19. tha iad uil’ air chunntas a t aghai. Tha iompacha ’s maitheanas do ghnà ceangailte r’a cheile. A mhuinntir nach ’eil air an naomhacha cha’n ’eil iad air chor air bhith air am fìreanacha no air an saoradh, 1 Cor. vi. 11. 1 Pead. i. 2. Eabh. ix. 14. O cia eagalach an ni bhi ’n ainmheach do DHIA! Mur ’eil thus’ a’ faicinn o, feoruich don pheacach a fhuair sealladh air a chionnta: O cia trom a chridhe, cia goirt a ghearan, cia beag fhois, gus am bheil mothachadh aige gu bheil DIA rei’ ris! Cia fuarach air bith so leats’ an dràs, mothaichidh tu aon la gur trom an t uallach [TD 157] cionnta pcacai’ gun bhi air a mhaitheadh. Is clach uabhasach so, mu ’m feudar a rà, “ge b’e neach a thuiteas orra gu bristear e; ach ge b’ e air an tuit isa, ni i mìn-luaithre dheth,” Mat. xxi. 44. Cia goirt a bhuin toilteannas a pheacai ri’r Slanui’ear beannuichte! dh’ fhàisg e ’n fhuil amach as a chuislean, is chràidh e gu ruig am bàs na anam e: ’s ma rinn e so sa ghèig uir, ciod nach dean e sa chrannn sheargta? O smuainich na thrà air do staid! An urr’ thu sealltuin air a bhagra sin gun bhall-chrith, “basaichi sibh nur peacaidh?” Eoin viii. 24. O b’ fhearr dhuit am bas a b’ eagalaich air bhith fhaotainn, na basach’ ann ad pheacai. Nan deanadh am bàs, nuair a bheir e air falbh t uile cho-fhurtachd, do pheacai thoirt air falbh cuideachd, bu rud-eigin do sholas e; ach leanai do pheacai thu nuair a thrèigeas do chairdean thu, ’s nuair a ghabhas do sholais shaoghalt’ air fad an cead diot. Cha’n fhaigh do pheacai bàs maille riut, 2 Cor. v. 10. Taisb. xx. 12. mar a gheibh ainmheach bàs leis a phriosunach; ach leanaidh iad thu gu breitheanas a chum do dhìte’, ’s gu ifrinn a chum do chlaoi. B’ fhearr dhuit coilion aibhisteir agus droch- [TD 158] spiorad a bhi mu d’ thiomchiol na do pheacaidh a luidhe ort ann sin, is a dheana greim ort. O cia anbharr a phèin a bheir iad sin duit! O seall air t ainmheach na thrà; feuch cia mor a tha thu ’m fiachaibh do lagh DHIA ’s do gach aon da aitheantaibh; tha ullamh air fad gu greim a dheanadh ort mar am priosunach! Is ciod a ni thu nuair a dh’ eirigheas iad uil’ a t aghaidh! O fosgail suile do choguis a dh’ fhaicinn so, a chum as gu leige’ tu dhiot gach earbs’ air bith asad fein, as gu teiche’ tu dh’ ionnsui CHRIOSD “arson didein, a chum greim a dheanadh air an dochas a chuireadh romhad,” Eabh. vi. 18. V. “Ann ad staid neo-iompaichte, tha t an-mianna ceann-laidir ga d’ chumail ad thraill bhochd fui smachd.” Gu bràth gus a bheil thu air do thoirt fui cheanglaiche cumhnainte ri DIA, tha thu ann ad sheirbheiseach is ann ad thraill do’n pheaca, Eoin viii. 34, 36. Tit. iii. 3. Rom. vi. 12, 14, 16, 17. Nis cha’n ’eil ain-tighearn’ air bith ann coimeas do’n pheaca. O cia eagalach is graineil an obair gus an cuir e sheirbheisich! Nach cràidheadh e cridhe duine bhi faicinn buidheann do thruaghana bochda gam piana [TD 159] ’s gan sarucha fein a’ tional connai gu iad fein a losga? ’S nach e so is gnà-obair do uile thraillean a pheacaidh? Ann sa cheart am sam bheil iad aoibhneach le duais na h ea-corach is a’ seinn na’n solas peacach, cha’n ’eil iad ach a’ carna feirg asuas dhoibh fein arson an teine shiorruith: a’ cur tuille connai nam furnais, agus a’ deana na lasrach ni’s braise le bhi tilgeil ol’ innte. Co bheireadh seirbheis do’n mhaighstir sin aig nach ’eil obair ach traillealachd, is aig nach ’eil duais ach bàs siorruith! Rom. vi. 23. Nach bu truagh an sealladh esan air an raibh seilbh aig legion do dheamhnaibh! Nach cràidheadh e do chridhe bhi ga fhaicinn am measg nan tuama, ga lot fein is ga reubadh? Mar. v. 5. Is i so do staidsa, ’s i so t obair; tha gach aon bhuille dh’ ionnsui do chridhe, 1 Tim. vi. 10. Tha gun amharus do choguis an dràs na cadal ach nuair a ni bàs agus breitheanus do dhusgadh, an sin mothaichi tu goith agus cràdh gach aon do na lota so. VI. “Tha furnais dioghaltais shiorruith air a teasacha deas fa d chomhair,” Isai. xxx. 33. Tha ifrinn agus leir-sgrios a fosgladh am beoil fa d’ chomhair, ’s a’ sgaoileadh an [TD 160] gial gu fairsing as a cheile chum do shluga, caib. v. 14. ga d’ fhaicinn air a bhruaich, is a’ feithe’ gus an tuit thu stigh. Ma tha fearg duine “mar bheucaich leoghainn,” Seanr. xx. 2. “ni’s truime na ghaineamh,” caib. xxvii. 3. ciod i corruich DHIA uile-chumhachdaich? Ma bha furnais lasrach Nebuchadnesair, nuair a chaidh a deana seachd uaire ni bu teotha, co bras as gu do loisg i iadsan athainig dlù dhi chum an triuir chloinne chur innte, Dan. iii. 19, 22. cia anbharr teith àmhuinn loisgeach fraoch-feirge ’n Uile-chumhachdaich! Mal. iv. 1. “Am feud do chridhe fulang, no do lamhan a bhi laidir ann san la sam buin mise riut, ars an TIGHEARNA DIA?” Esec. xxii. 14. An urr thu giulan le lasair shiorruith? an urr’ thu cònuidh ghabhail ann teine caithteach? Isai, xxxiii. 14. O pheacaich! ma’s duine thu, mur clach gun mhothachadh thu, stad ann so, agus beachd-smuainich: smuainich c’ ait’ a bheil thu d’ sheasamh; direach air bruaich na furnais so. “Mar is beo an TIGHEARNA, ’s mar is beo t anam, chan ’eil ach cèim eidir thu ’s a bhi innte,” 1 Sam. xx. 3. Cha’n ’eil fios agad nuair a luidheas tu san oiche nach [TD 161] bi thu innte mu’n tig a mhadainn, is cha’n ’eil fios agad sa mhadainn nach bi thu innte mun tig an oiche. Am bi thu co dàna ’s gu cuir thu so ann neo-brigh? Am buanaich thu ann an staid co eagalach, mar nach biodh tu idir an’ cunthart? Ach ma chuireas tu uait na nithe so, ’s gun abair thu “Cha’n ’eil gnothach agam-sa ris so;” seall a ris air a chaibdeil roimhe so, agus innis do rireadh, am bheil aon sam bith do na comharaibh a chaidh ainmeacha ’n sin ri fhaotainn ortsa? Na druid do shuilean, na meall thu fein; faic do thruaighe am fad a bhios comas agad a baca. Smuainich ciod e bhi d’ dhiobarrach graineil, a d ghin mhalluicht’, ad shoitheach feirge, sam bi DIA, ’m fad is beo e, a’ sior thaomadh amach a chorruich, Rom. ix. 22. VII. “Gun iompacha tha’n lagh a dorta gach aon da bhagraidhean agus da mhallachdan ort,” Gal. iii. 10. Deut. xxviii. O cia uabhasach tairneanach an lagha! tha e lasa teine ’s pronnuisc a’ t eudann; tha a bhriathra mar chloidhean ruisgte, ’s mar shaighde geùr air an sàthadh ann sa chridhe. Tha e gun tamh a’ glaodhach dioghaltais, is ag iarrui ceartais: tha e labhairt blàir is [TD 162] bàis ann a t aghaidh. O na plàighean uabhasach, is na bàis eagalach leis a bheil an canan marbhtach so air a luchdacha! (leugh Deut. xxviii. 15. &c.) ’s tusa mar bhall-amais direach fa chomhair na h urchair. O “dhuine, thoir ort gu d’ dhaingneach laidir,” Sech, ix. 12. teich o d’ pheacai, greas ionnsui na cathair-dhidein agus an naomh-ionaid, Eabh. xiii. 13. eadhon ionnsuidh an Tighearn’ IOSA CRIOSD; falaich thu feìn annsan, air neo tha thu caillte, gun dochas gu bràth ri teasairginn. VIII. “Tha’n soisgeul fein a toirt damna siorruith mar bhìne mach a’ t aghai, ’s ga cheangal gu daingean air t anam,” Mar. xvi. 16. Ma dh’ fhanas tu san staid am bheil thu gun aithreachas gun iompacha, biodh fios agad gu bheil an soisgeul a’ toirt bìne moran ni’s eagalaiche mach a’ t aghai na tha bristeadh a cheud chumhnainte. ’S nach eagalach an gnothach an soisgeul fein a bhi seìdeadh amach bhagraidhean a’ t aghaidh agus damnaidh? “An TIGHEARNA bhi ’g èigheach a’ t aghaidh o shliabh Shioin? Ioel iii. 16. Cluinn briathran eagalach DHIA; “An ti nach creid biaidh e air a dhamna. Mur dean sibh aithreachas theid sibh uil’ [TD 163] am mugha, Luc. xiii. 3. ’S e so an damna, gun d’ thainig solus do’n t saoghal, agus gu bheil barrachd graidh aig daoine don dorchadas no don t solus, Eoin iii. 19. an ti nach ’eil a’ creidsinn tha fearg DHE gabhail cònuidh air, Eoin iii. 36. Ma bha ’m facal a labhradh le h ainglibh seas’ach, is gu d’ fhuair gach uile bhriseadh agus eas-umhlachd diol-tuarasdail dligheach, cionnus a theid sinne as ma ni sinn di-meas air slainte co mhor? Eabh. ii. 2, 3. An ti rinn tàir air lagh Mhaois, bhasaich e gun trocair; cia mor is measa na sin am peanas air am measar esan toilltinneach a shaltair fui chois Mac DHE?” Eabh. x. 28, 29. AN CO-CHUR. Agus am bheil so gun amharus fior? an e so gu beachdai do chor?—Cha chinntiche gu bheil DIA ann, na gur e. ’S nach fearr dhuit mata do shuilean fhosgladh agus fhaicinn am fad ’s a dh’ fheudas tu a leigheas, na thu fein a dhalladh agus a chruadhacha gus am mothaich thu fa dheire na nithe uabhasach sin nach ’eil thu ’n dràs a’ creidsinn. Ma tha so uile fior? ciod is ciall duit bhi ri maille na leithid do chunthart? [TD 164] Eisd ciod tha DIA ’g rà; “Nach ’eil eagal agaibh romham-sa, deir an TIGHEARNA, nach ’eil ballchrith oirbh am lathair?” Ier. v. 22. O dhaoine peacach an cuir sibh ann neo-brigh an fheirg a tha ri teachd? Mat. iii. 7. Tha mi deirbhte gu bheil am a’ teachd anns nach meas sibh co suarach i. Ach ciod so? tha na deamhain fein a’ creidsin agus a’ crithneacha, Sheum. ii. 19. ’s am bheil sibhs’ air ur cruadhacha ni’s mo na iadsan? An ruith sibh air bile na craige? An cluich sibh aig toll na nathrach? An cuir sibh ur lamh ann nead na nathrach nimhe? An damhs sibh air na h eibhle gus an loisgear sibh? no’n dean sibh cluiche ri corruich chaithteach, mar gu biodh sibh co-dheas an d’ theid no nach d’ theid sibh as uaipe? O cuthach gun a choimeas! Laimh ris so, is duine glic fear-cuthaich Sholaimh, a thilgeas aithinne teine, saighdean agus bas, is a their “Am bheil mi ach ri spurt,” is ri fearas-chuideachd? Seanr. xxvi. 18. Cha’n ’eil neach sam bith co mor air boile ris a pheacach thoileil, Luc. xv. 17. a tha mairsinn na staid neo-iompaichte, gun umhail air bith, mar gu biodh a chor gu làn-cheart. An duin’ a [TD 165] ruitheas gu beul-dois a chanain, is a thilgeas anam air falbh an’ cluiche no’n spurt, tha e ciallach, suidhichte, tuigseach, air a choimeas ris an neach sin tha fathasd a’ dol air aghai na aingidheachd, Salm lxviii. 21. oir “tha e sìneadh amach a laimhe ’n aghai DHIA, ’s ga neartacha fein ann aghaidh an Uile-chumhachdaich: tha e ruith na cho’ail, eadhon air a mhuineal, air bolga tiugh’ a sgeithe,” Iob. xv. 25, 26. An gliocas a bhi ri sugra ris an dara bas, no dol le danadas do’n locha sin tha losga le teine ’s le pronnusc? Taisb. xxi. 8. Ciod a their mi? Cha’n urra mi cainnt fhaotainn no coimeas, a chur an’ ceill cuthach oillteil an anama sin tha dol air aghai le dànadas na pheacai. Duisg, Duisg, Eph. v. 14. O pheacaich! eirigh, is gabh gu teiche’: cha’n ’eil ach aon dorus air am feud thu dol as, agus is e sin dorus cumhann an iompachaidh agus an fhior-aithreachais. Mur pill thu gu neo-chealgach o t uile pheacai, mur tig thu dh’ ionnsuidh IOSA CHRIOSD, mur gabh thu esan mar “an TIGHEARNA t fhireantachd-sa,” ’s mur gluais thu maille ris an’ naomhachd is an’ nuadhachd beatha; mar [TD 166] is beo DIA, cha chinntiche gu bheil thu ’n dràs an’ taobh amach do ifrinn, na gu bi thu ’n ceann beagan do laithe ’s do dh’ òichean an’ taobh astigh dhi. O socruich do chridhe gu smuaineach’ air do staid. Nach airi do shonas no do thruaighe bhith bhuan air cail-eigin do smuainteacha? Gabh ath-shealladh air truaighe na muinntir neo-iompaichte. Mur do labhair an TIGHEARNA leamsa, na toir feairt orm; ach ma ’s e do rireadh facal DHIA gu bheil an truaighe so uil’ air do cheann, smuainich ciod an cor ann sa bheil thu. Am feud duine na cheill fuireach na leithid so do staid, gun na h uile cabhag na chomas a dheana gu dol as o leir-sgrios? O dhuine! co chuir drui’eachd ort, Gal. iii. 1. nuair a tha thu comasach air sealltuinn romhad air do chor a thaobh an t saoghail so, air do chunthart fhaicinn roi’ laimh, is air do dhorainn a sheachnadh; ach mu thiomchiol gnothaiche cuidreamach na siorruitheachd, tha thu caoin-shuarach agus fuar, mar nach buineadh iad idir dhuit?—Ciod so, an ni faoin duitsa buaidhean DHIA bhi air fad leagta ri d’ mhilleadh? An urr’ thu bhi ceart as eugais fhabhair? an urr’ thu dol as o laimh, no giulan le [TD 167] chorruich? am bheil thu cluinntin a chruthachaidh ag osnaich fui’ad, agus ifrinn a’ mèananaich gu d’ shluga, ’s an saoil thu fathasd gu bheil do chor gu maith? Am bheil thu ’n sàs ann laodhar an leoghain bheucaich, fui chumhachd a pheacaidh, ann am priosun graineil, air do chuibhreacha le an-mianna, ’s ag oibreacha’ damnai dhuit fein; is nach ion duit smuaineachadh air na nithe so? An cuir thu an’ neo-brigh uile uabhasan an lagha, a mhallachdan, a bhagraidhean, is a bhuillean bàsor, mar nach biodh annt’ ach cluiche cloinne-bige? An dean thu fanaid air ifrinn agus leir-sgrios; no’n òl thu cupan searbh fraoch-feirg’ an Uile-chumhachdaich? “Crioslaich asuas a nis thu fein mar dhuine; feoruichi mise dhiot, agus thoir dhomh freagra,” Iob xl. 7. Am bheil targaid sam bith agad a ni do dhion o bhuillean do Chruthai’ir? An saoil thu gur cuiseagan a shaighde, no gur conna mosgain a lanna marbhtach? Am bheil thusa co uaibhreach as gu meas thu ghathan mar asbhuain, is gu dean thu fanoid air nuair a chrathas e a lann? Am bheil thu co saor do eagal as gu dean thu spìd air a shaighde [TD 168] corranach; Iob xli. Am bheil thu cosail ris an each a bhreabas an talamh, ’s a ni aoibhneas na neart, a’ dol ann co’ail nam fear fui’n armaibh? Am bheil thu deana fanaid air eagal, is co saor do gheilt as nach pill thu air t ais o chloidhe DHIA, nuair tha a shaighde ga’n crathadh a’ t aghaidh, a shleagh loinnreach agus a sgiath? Iob xxxix. 21—23. Ach mur dean aon chuid bagra no gairm an fhacail do dhùsga no do chur fui gheilt, tha mi beachdai gu dean bas agus breitheanas e. O, ciod a ni thu nuair thig DIA na chorruich amach a taghai, ’s a dh’ fhuilingeas tu na nithe sin a tha thu ’n dràs a’ leugha ’s a’ cluinntin? Ma ’s e ’s nuair a chaidh naimhdean Dhaniel a thilgeil an’ garai’ nan leoghann, iad fein ’s am mnai ’s an clann, gu d’ rinn na leoghainn an sluga ’s gach cnàimh dhiu bhriste mu’n d’ rainig iad iòchdar na garai, Dan. vi. 24. ciod a thachras dhuitsa nuair a thuiteas tu ’n lamhan an DE bheo, ’s a bhruthas agus a mhion-phronnas e thu na chorruich, ad mhìlte blòidean? O mata na dean strì ri DIA! “Dean aithreachas agus bi air t iompacha,” ’s mar sin cha tig aon ni ort do na nithe so, [TD 169] Isai. lv. 6, 7. “Iarruibhs’ an TIGHEARN’ am feadh ata e r’a fhaotainn; gairmibh air am feadh ata e ’m fagus: Treigeadh an t aingidh a shlighe, ’s an duine ea-corach a smuainte; pilleadh e chum an TIGHEARNA ’s ni e trocair air, ’s a chum ar DE-ne, oir bheir e maitheanas seachad gu saibhir.” CAIB. VI. Ann sa bheil Seolai’ gu iompacha. Marc. X. 17. Agus thainig neach na ruith, agus leig se e fein air a ghluinibh dha, agus dh’ fheoruich e dheth, A mhaigistir mhaith, ciod a ni mi chum ’s gu faigheam a bheatha mhairtheanach mar oighreachd? MUN leugh thu na SEOLAIDH so, tha mi ’g earail ort, seadh, tha mi sparragh ort am fianuis DHIA ’s nan aingle naomha, gu cuir thu romhad an leantuinn (co fad as a bhios do choinnseas cinnteach gu bheil iad freagarach do fhacal DE ’s do staid t anama) ’s gun iarr thu cuideacha ’s beannacha DHIA chum an deanadh eifeachdach. Agus mar a da’ iarr mis’ an TIGH- [TD 170] EARNA, ’s mar a chuir mi mo chomhairle r’a fhacal ciod na seolaidh a bheirinn duitsa, is amhlui dh’ fheumas tusa na seolai so a ghabhail le suim, le h urram, agus le rùn geill a thoirt doibh, mar is airidh facal an DE bheo air fhaotainn. A nis mata thoir aire; Suidhich do chridhe “air na h uile bhriathra sin mu ’m bheil mise toirt fiannis duit air an la diugh; oir cha ni faoin so, tha t anam ann earbsa,” Deut. xxxii. 46. ’S i so crioch gach ni chaidh a labhairt gu ruige so, a chum as gu cuireadh iad thu air pilleadh agus air gnathacha na meadhona sin a dh’ orduich DIA chum t iompachai. Cha chuirinn dragh oirbh, is cha “chlaoidhinn ro’ an am sibh,” le sealla thoirt duibh air ur truaighe shiorruith, ach amhain air ghaol as gu tugainn oirbh dol as uaipe. Nam biodh sibh cheana ceangailte nur truaighe gun chomas leasachai, bu trocair leigeil leibh, is gun an co-fhurtachd brònach sin a th’ agaibh san t saoghal so a bhuintinn uaibh. Ach feudai sibh fathasd a bhi sona, mur cuir sibh le’r deoin cùl ri meadhona na slainte. Feuch, tha mis’ a’ cumail an doruis fosgailte dhuibh; eir’ibh, gabhaibh an ruaig: tha mi cur slighe na beatha ro’ibh, gluaisibh [TD 171] innte, ’s “bithi sibh beo, agus cha’n fhaigh sibh bas,” Deut. xxx. 19. Ier. vi. 16. Is goirt leam a smuaineacha gu dean sibh sibh-fein a mhurt, is a thilgeil do ifrinn, nuair tha DIA ’s daoine glaodhach ribh mar a rin Peadar ann an cùis eile r’a mhaighstir, “Caomhainn thu fein.” Eisd mata, O pheacaich! is mar bu mhaith leat a bhi air t iompacha ’s air do shabhala, lean gn curamach na seolai so tha thu dol a dh’ fhaotainn. SEOLA I. “Dean thu fein cinnteach nach feud thu gu brath dol do neamh ann san staid neo-iompaichte sin sam bheil thu.” “An urra neach air bith eil’ ach CHRIOSD do shabhala? ’s tha esan ag innse’ dhuit nach sabhail e gu brath thu, mur bi thu air t ath-ghintein agus air t iompacha, Mat. xviii. 3. Eoin iii. 3. Nach esan aig a bheil iuchraiche neimh? is am feud thusa faotainn astigh gun a chomas? Oir cha toir esan comas do neach air bith dol astigh gun bhi air atharrachadh, air iompacha, ’s air ath-nuadhacha. SEOLA II. “Dean dicheal air sealla ceart agus geur-mhothacha fhaotainn air do pheacai.” Gus am bi daoine sgì agus [TD 172] trom-luchdaichte, air am bioradh nan cridhe, ’s tinn leis a pheaca, cha tig iad ionnsui CHRIOSD, na shlighe fein, a dh’ fhaotainn fois is leigheis; agus cha mhò dh’ fheoruicheas iad le suim, “Ciod a ni sin?” Mat. xi. 28. Gniomh. ii. 37. Mat. ix. 12. Is eigin doibh iad fein a mheas nan daoine marbha mun tig iad ionnsui CHRIOSD a dh’ fhaotain beatha, Eoin. v. 40. Oidheirpich air an aobhar sin do pheacaidh air fad a chur an ordugh fa d’ chomhair; na biodh eagal ort am faicinn, is deanadh do spiorad sgrùda geur gam faotainn amach, Salm lxxvii. 6. Rannsuich do chridhe ’s do chaithe-beatha; mion-cheasnuich thu fein agus t uile shlighe Salm cxix. 59, chum as gu faice’ tu gu soilleir do staid. Iarr coghna Spioraid DE, (agus mothacha air do dhoille fein) oir is i obair-san gu h araid do pheacaidh a leige’ ris duit, Eoin xvi. 8. Sgaoil an t iomlan ann lathair do choguis, gus an guil do chridhe ’s do shuilean. Na sguir a dheana strì ri DIA ’s ri t anam fein, gus an eigin duit glaodhach amach o iochdar do chridhe mar a rinn fear coimhead a phriosuin, “Ciod a ni mi chum ’s gu sabhalar mi?” Gniomh. xvi. 30. Chum na criche so, [TD 173] “Smuainich air lionaireachd do pheacai.” Dh’ fhailnich cridhe Dhaibhi’ nuair a smuainich e air so, ’s a thug e fainear gu raibh a pheacai ni bu lionaire na falt a chinn, Salm xl. 12. Thug so air ath-chuinge chur asuas arson lionaireachd trocaire caomha DHE, Salm li. 1. Cha’n ’eil a chairbhinn mharbh ni’s graineala le cnuimhibh gluasadach na tha ’n t anam mi-naomha le an-mianna salach. Tha ’n ceann, an cridhe, na suilean is am beul, gu h iomlan làn diu. Seall air t ais; ciod an t àite, no ciod an t am anns nach raibh thu ri peaca? Seall astigh; ciod an ceatfa anama no cuirp a th’ agad nach ’eil air a phuinseanacha le peaca? Ciod an dleasnas a rinn thu riabh nach raibh cuid do’n phuinsean so air a mheasga leis? O, cia an-mhor a nis an t ainmheach am bheil thu, an deigh bhi ga mheudacha gach mionaid do d’ bheatha, ’s gun a pheighin bu lugha dheth riabh air a paigheadh; is gun chomas agad an dràs cuideachd a bheag a dhiola dheth? Seall air truaill’eachd do natuir; seall air mi-ghnathacha do bheatha. Cuimhnich do pheacai dearmaid, do pheacai deanadais, peacai do smuainte, do bhriathra, ’s do ghniomhara, peacai t oige, agus t aoise. [TD 174] Na bi cosail ri aon a chaidh roi a mhaoin, is air am bheil eagal dol a rannsachadh a leabhair-cunntais. Leugh teisteas do choinnseas gu cùramach: feumai na leabhraiche so bhi luath no mall air am fosgla, Taisb. xx. 12. “Smuainich air gach ni tha ’g antromacha do pheacai, gur iad naimhdean DIA do bheatha, ’s naimhdean beatha t anama; seadh, agus naimhde coitcheann a chinne-daoin’ uile.” Cionnus a tha Daibhidh, Esra, Daniel, agus na Leihhitich ag antromachadh am peacaidh, o’n eas-onoir do DHIA, ’s o’n ea-coir ata iad a’ deana da lagh, da throcair, is do gach rabhadh a thug e seachad nan aghai? Neh. ix. Dan. ix. Esra ix. O, ’n cron a rinn am peaca san t saoghal! Se so an namhaid a thug asteach am bas, a spùill is a thràillich an cinne-daoin’, a chuidich an t aibhisteir, is a chladhaich ifrinn, Rom. v. 12. 2 Pead. ii. 4. Eoin viii. 34. Is e so an namhaid tha cur an t saoghail thar a cheile, tha cur ea-sìth eidir an duine ’s na creatuirean, eidir duine ’s duine, seadh eidir duine ’s e fein; a’ cur a chuirp ann aghaidh an anama, na toil’ ann aghaidh an reusain, na h an-miann, ann aghai na cog- [TD 175] uis: seadh, ni’s measa na so air fad, a’ cur naimhdeis eidir DIA agus an duine, le bhi fagail a pheacaich araon fuathach le DIA agus fuathach uime, Sech. xi. 8. O dhuine! cionnus a dh fheudas am peaca bhi co faoin a d’ shuilibh? ’S e so an namhaid a dhoirt fuil Mhic DE; a reic e, a rinn fanoid air, a sgiurs e, a chaith sile’ na eudann, a lot a lamhan, a reub a thaobh, a bhrùth anam, a bhris a chorp, is nach do sguir ga chrà gus ’n do cheangail, gus ’n do dhìt, gus ’n do thairn’ich, gus an do cheus, agus gus an do chuir e gu nàire follas e, Isai. liii. 4—6. So am puinnsin nimheil sin, a tha co laidir as gu d’ rinn aon bhraon deth (a thuit air freamh a chinne-daoin’) an sliochd air fad a mhilleadh, Rom. v. 18, 19. So am mort’ear fuilteach sin a mharbh na fàidhean, a loisg na fianuisean, a chuir gu bas na h abstoil, na priomh-athracha, ’s na h uile righridh agus uachdarain. ’S e so a sgrios bailtean, a shluig rioghachdan, is a chuir crioch air moran chinneach. Ciod air bhith an ionstrumeint, is e ’m peaca bha do ghnà ris a mhilleadh, Rom. vi. 23. Am bheil thu fathasd a’ saoilsinn gur ni faoin e? Nam biodh Adhamh is a shliochd air fad air an [TD 176] togail as an uaighibh, is an cuirp air an carnadh asuas ri neamh, is gu rannsuichte mach ciod am mort’ear an-iochdmhor a bha cionntach anns na bha ’n so do fhuil? gheibhte mach gu raibh an cionnta gu h iomlan ann an sgèith a pheacai.—Smuainich air natur a pheacai gus am bi eagal agus gràin aig do chridhe dha; agus smuainich air uabharrachd agus antromacha gach aon do d’ pheacai fein: mar tha iad ann aghai gach rabhaidh a fhuair thu o DHIA, ann aghai’ t athchuinge fein, ann aghai’ trocair, ann aghai cronuchaidh, ann aghai soluis, ann aghai graidh, ann aghai do bhriathra fein, do gheallaidhean, da mhoidean, agus do chumhnantan, &c. Agair do chridhe gu teann arson nan nithe so, gus an gabh e nàire dheth fein, is an trèig e gach barail fhaoin a th’aige air fhireantachd fein; Esra ix. 6. “Smuainich air toillteannus a pheacai,” Tha e glaodhach asuas ri neamh; tha e ’g iarrui dioghaltais, Gen. xviii. 21. Is e dhiol tuarasdail bas agus damna; tha e tarruing mallachd DHIA air an anam is air a chorp, Gal. iii. 10. Deut. xxviii. Tha’n aon is suaraiche do d’ bhriathra no [TD 177] do d’ smuainte peacach ga d’ fhagail buailteach do fheirg is do chorruich shiorruith an De uile-chumhachdaich, Rom. ii. 8, 9. Mat. xii. 36. O mata cia anbharr an t uallach feirge, cia annbhar an cuidream mhallachd, is an t ionmhus dioghaltais a tha na mìlte do mhiltibh peac’ a chuir thu an gniomh a’ toilltinn! Rom. ii. 5. Sheum. v. 3. O, guidheam ort, thoir breith ort fein, mu’n toir DIA breitheanas ort, 1 Cor. xi. 31. “Smuainich air sailchead agus grainealachd a pheacai.” Tha e duaichni mar ifrinn; fior iomhaigh agus coslas an Aibhisteir air a tharruing air an anam, 1 Eoin iii. 8, 10. Chuireadh e barrachd oillt ort thu fein fhaicinn ann an grainealachd do natuir, na ge d’ fhaice’ tu ’n t Aibhisteir. Cha’n ’eil òtrach air bith co salach, cha’n ’eil cairbhinn co brèun, no plàigh no loibhre sam bith co oillteil ris a pheaca, ann sa bheil thusa ga d aornagain fein, is ga d’ fhagail ni’s graineala le DIA na dh’ fheudas ni air bith sa chruthacha bhi leatsa, Iob xv. 15, 16.—An gabha tu losgann a’ t uchd? an tuga tu speis di? feuch, ni’s graineala na tha sin duitsa, tha thusa do naomhachd fhior-ghlain [TD 178] DE, Mat. xxiii. 33. gus am bheil thu air do ghlana le fuil IOSA, ’s le cumhachd grais na h ath-ghineamhuinn. “Oscionn na h uile peaca, thoir aire shonraichte do’n dithis so; peaca gin, no truaill’eachd natuir, agus am peaca sin ann san usa leat tuiteam.” 1. Truaill’eachd natuir. Is diomhain a bhi gearra nam meanglan mur d’ theid am freamh a spionadh a’ bun. Is diomhain a bhi taomadh an t sruthain mur d’ theid cosg’ a chur air an tobar. Racha t aithreachas (mar a rinn aithreachrs Dhaibhi’) gu ruig freamh a pheacai, Salm li. 5. Cha tig an cridhe ’m feasd gu staid cheart gus am bi lan-mhothach’ aig’ air uabharrachd a pheacai ghin. Air so socruich do chridhe; ’s e so tha gad dheana mall gus na h uile ni maith, agus so-aomai gus na h uile do-bheairt. Rom. vii. 15. ’S e so tha sgaoile’ claon-bhreith, dorchadais, uabhair agus mi-chreideimh air feadh t inntin; naimhdeis, neo-shuidheachais, ain-dheoineachd air feadh do thoile; mi mho-thacha, mairbhead, neo-dhìlsead air feadh do choguis; agus laigse ’s di-chuimhn’ air do mheodhair. ’S e so, ann aon fhacal, a chuir gach aon chuibhle do t [TD 179] anam as a riaghailt, is a rinn e, ’n àite bhi na ionad cònuidh aig naomhachd, na thorr aingideachd is na ifrinn pheacaich, Sheum. iii. 6. ’S e so a shalaich, a thruailll, agus a thug mi-bhuil as do bhallaibh: a thionndaidh iad gu bhi nan ionstrumeinte do eas-ionracas, agus nan seirbheisich do’n pheaca, Rom. vi. 19. ’S e so a lion an ceann le innleachda saoghalt’ agus truallidh, Mic. ii. 1. an lamh le ea-ceairt, Isai. i. 15. an t suil le sannt is macnus, 2 Pead. ii. 14. agus an teanga le puinnsein nimheil, Sheum. iii. 8. ’S e dh’ fhosgail a chluas gu breugan, miodal agus còra salach salach, is a dhruid i ’n aghai teagaisg na beatha, Sech. vii. 11, 12. ’S e dh’ fhag do chridhe na ionad-deilbh aimhleis, na thorr aingidheachd, Mat. xv. 19. air chor as gu bheil e gun tamh a’ bruchda mach uilc, 2 Pead. ii. 14. co naturra ’s co bitheanta ’s a chuireas tobar-amach uisge, Ier. vi. 7. no thilgeas an fhairge suas a salchar, Isai. lvii. 20. Agus am bheil thu fathasd toilichte leat fein, is a’ saoilsinn gu bheil do chridhe ceart? O, na sguir gu brath a smuaineach’ air do thruaill’eachd naturra gus an caoidh thu, cosail ri Ephraim, do staid, Ier. xxxi, 18. is am buail [TD 180] thu air t uchd le nàire ’s le bròn, mar a rinn am Publicanach, Luc. xviii. 13. a’ gabhail gràin diot fein mar a rinn Iob, is a’ deanadh aithreachais ann duslach agus ann luaithre, Iob xlii. 6. 2. “Smuainich air a pheaca sin gus am bheil thu ’m bitheantas buailteach, agus ann san usa na cheile leat tuiteam:” faigh amach na h uile ni tha ga antromacha; ’s leig ris do d’ chridhe gach aon bhagra thug DIA na aghai. Fograidh aithreachas air falbh gach aon pheaca, ach gu sonraichte ruaigidh e’n leannan peacai d’ am bi barrachd speis againn, is bheir e oidheirp thar gach ni air cuir as da, Salm xviii. 23. O, dean dicheal air a pheaca so dheana fuathach do t anam, agus dùblaich t fhaicill agus t oidheirp na aghaidh, a chionn gur e so tha toirt na h eas-onoir is mò do DHIA, ’s ga d’ chur fein sa chunthart is mò cuideachd. SEOLA III. “Thoir oidheirp do ghnà air geur-mhothacha bhi aig do chridhe air do thruaighe.” Leugh a rìs agus a rìs an caibdeil air thoiseach air so, agus dean mar gu b’ ann a scriobhadh air do chridhe. O, beachdaich air do thruaighe gus an glaodh do chridhe mach arson CHRIOSD, co dur- [TD 181] achdach as a dheana duine bhiodh ga bhàthadh arson teasairginn. Is eigin do dhaoin’ an cunthart fhaicinn, agus an tinneas is an truaigh’ a mhothachainn, air neo ’s leigh gu’n mheas nan suilibh CRIOSD, Mat. ix. 12. Nuair a bhios an cionntach air a ruaga le dioghaltair fala, ’s ann an sin a ni e dian-chabhag gu cathair na didein. Is eigin do dhaoine bhi air an toirt a dh’ ain-deoin ionnsui CHRIOSD, air neo cha treig iad an ionracas fein, is cha tig iad. ’S ann le fior eigin agus airc a bha am mac struidheil air aontacha gu pilleadh, Luc. xv. 16, 17. Am fad as a shaoileas Laodicea i fein a bhi beartach agus saibhir, ’s gun fheum air aon ni, cha’n ’eil saod orra maith a dheana: ’s eigin di bhi lan-mhothachail gu bheil i truagh agus dall agus bochd agus lomnochd mu’n gabh i os laimh teachd ionnsui CHRIOSD arson òir agus eudaich agus sàbh-shùl ga leigheas, Taisb. iii. 17, 18. Air an aobhar sin cum suile do choguis fosgailt’ a dh’ fhaicinn do thruaighe co soilleir, is co an-mhor as a dh’ fheudas tu. Na tugadh uabhas air bith ort do shuilean a dhruideadh air an t sealladh. Is fearr dhuit an truaighe tha [TD 182] feithe’ riut fhaicinn an dràs, na mhothacha na dheigh so. SEOLA IV. “Cum do ghnà ann a t aire nach ’eil neart no innleachd air bith agad air thu fein a shabhala.” Na smuainich gu bràth gu dean t urnaigh, do leugha, t eisdeachd, t aidmheil agus do leasachadh, air chor air bith do leigheas. Feumai’ tu na nithe so ghnàthacha gu curamach, ach tha thu caillte mur d’ theid thu ni’s faide, Rom. x. 3. Ma leigeas tu do thaice ri ni air bith ach CRIOSD, dh’ fhalbh thu, Gniomh. iv. 12. ’S eigin duit cùl a chur ri d’ ghliocas fein, ri t fhireantachd fein, ri d’ neart fein, agus thu fein a thilgeil gu h iomlan air CRIOSD mar a thilgeas snamhaich’ e fein air an uisge, air neo cha’n fheud thu bhi air do thearnadh. Am fad as a bhios earbs’ aig daoin’ asda fein, ’s a bhios iad ri bun as am fireantachd fein, agus as an deagh oibre, cha tig iad air mhodh slainteil ionnsui CHRIOSD, Luc. xviii. 9. Phil. iii. 3. Is eigin duit fhaicinn nach ’eil ann a d’ bhuannachd ach calldach agus aolach, nach ’eil a d neart ach an-’ainne, ’s a t fhireantachd ach òtrach agus broineaga, mu’m feud co-cheangail teann air bith a bhi eidir thu fein agus [TD 183] CRIOSD, Phil. iii. 7, 8, 9. 2 Cor. iii. 5. Isai. lxiv. 6. An urr’ a cholann mharbh cuibhreachan a bhàis fhuasgla, ’s a h eudach-mairbh a chratha dhith? ann sin feudai thus’ thu fein a leigheas, a tha marbh am peaca ’s ann eas-aontas, gun chomas air bith air aon seirbheis thaitneach a thoirt do d Chruthai’ear ann san staid sin, Rom. viii. 8. Eabh. xi. 6 Air an aobhar sin nuair a theid thu gu urnaigh, gu smuaineach, no dleasnas air bith eile gus a bheil thu air do sheoladh, imich amach asad fein, is leig do thaice ri co’nadh an Spioraid, a’ cuimhneacha nach feud thu, ann ad neart fein, ni air bith a dheana bhios taitneach le DIA. Gidheadh na dearmaid uair air bith do dhleasnas agus do dhicheal fein. Luidh aig an tobar, agus feith ris an Spiorad na shlighe fein.—Nuair a bha ’n caillteanach a’ leugha ’s ann an sin a chuir an Spiorad naomh Philip da ionnsuidh, Gniomh. viii. 28, 29. Nuair a bha na deisciobuil ri urnaigh, caib. iv. 31. nuair a bha Cornelius agus a chairdean ag eisdeachd, caib. x. 44. ’s ann an sin a thuirling an Spiorad naomh orra’ s a lion e air fad iad. Oidheirpich thu fein thoirt suas do CHRIOSD; gnath oidheirpich urnaigh agus smuaineach; [TD 184] oidheirpich so a dheana co maith agus is urr’ thu, mìle agus mìle uair; is nuair a bhios tu ri dicheal air do dhleasnas a choiliona co maith as a dh’ fheudas tu; thig Spiorad an TIGHEARN’ ort, agus cuidichidh e leat an ni sin a dheana nach ’eil thu air chor air bith murrach air a dheana le d’ neart fein, Seanr. i. 23. SEOLA V. “Air ball cuir cùl ri t uile pheacai.” Ma bheir thu suas thu fein do chleachduinn aon pheacai tha thu caillte, Rom. vi. 17. ’S diomhain duit suil a bhi agad ri beatha o CHRIOSD ni’s lugha no threigeas tu aingidheachd, 2 Tim. ii. 19. Treig do pheacaidh air neo cha’n fhaigh thu trocair, Seanr. xxviii. 13. Mur bi thu air t fhuasgladh o d’ pheacai, cha’n fheud thu bhi air do cheangal ri CRIOSD. Ma bu mhaith leat solas fhaotainn air neamh, na gleidh Delilah ni’s faide t uchd. Is eigin duit do pheacaidh a threigsinn no t anam a chall; ma choigleas tu uirread as aon pheaca, bi cinnteach nach coigil DIA thusa. Na toisich ri leth-sgeul air bith a ghabhail; an dara cuid is eigin do d’ pheacai basacha, no ’s eigin duitsa basachadh air an son, Salm lxviii. 21. Ma cheadaicheas tu dhuit fein [TD 185] ach aon pheaca, cia suarach, cia diomhair air bith e, ge do thagair thu eigin, is ge d’ raibh mile leth-sgeul agad air a shon, is eigin do bheatha t anama dioladh arson beath’ a pheacai sin; Esec. xviii. 21 agus baralaich fein mur bi e tuille ’s daor air a cheannach? O pheacaich! eisd agus thoir fainear: Ma threigeas tu do pheacai, bheir DIA dhuit a Mhac. ’S nach maith a mhalairt so? Tha mis’ a toirt fianuis duit air an là so, ma bhasaicheas tu, nach e cion Slanui’ear a bhi air a dheasacha ’s beatha air a tairgse dhuit is coireach ris, ach a chionn gu do roighnich thu (leis na h Iudhaich) mort’ear air thoiseach air Slanni’ear, peac’ air thoiseach air CRIOSD; is gu d’ thug thu barrachd speis do dhorchadas na do sholus, Eoin iii. 19. Rannsuich mata do chridhe le coinnlean, mar a rinn na h Iudhaich an tighean ro’n chàisg arson laibhinn: dean dicheal air do pheacai fhaotainn amach; imich do d’ sheomar uaigneis agus cnuasaich do shlighe:—Ciod an t olc a bha mi gnathacha? Ciod an dleasnas a thaobh DHIA air an raibh mi deana dearmaid? Ciod am peaca san raibh mi cionntach an aghai mo [TD 186] choimhearsnaich?—Buail a nis mata na gáthan an’ cridhe do pheacaidh amhlui mar bhuin Ioab ri Absalom, 2 Sam. xviii. 14. Na seas air chor air bith ag amharc air do pheaca, no ga thionnda mar ghreim milis fui d’ theangai, Iob xx. 12. ach tilg amach e mar phuinnsean le fuath agus le h eagal Och! ciod a bhuannachd a bheir do pheacai dhuit, gu biodh e co cruai leat an cuiteacha? ni iad miodal riut, ach marbhaidh iad thu; ni iad gàir’ a t eudann, ach gearraidh iad do sgornan; ruisgidh iad cloidhe’ DHE ann a t aghaidh, is tairngidh iad corruich an Uile-chumhachdaich air do cheann. Fosglaidh-iad ifrinn air do shon, is carnaidh iad conna suas innte chum do losga. Feuch a chroich a dheasuich iad fa d’ chomhair! O buin riu mar a bhuineadh ri Haman; thoir an sgrios sin orra fein, a’ b aill leosan a thoirt ortsa: uait iad, ceus iad, is biodh CRIOSD amhain na THIGHEARN’ ort. SEOLA VI. “Dean roghain sholeimnt’ agus shiorruith do DHIA, mar do phòrsan agus mar do shonas;” Deut. xxvi. 17. Leis gach uil’ aoradh agus urram ad chomas aidich an Tighearna mar do DHIA. “Cuir an saoghal le ghloir, le onoir, le sholas agus [TD 187] le inbhe air an dara laimh; agus cuir DIA le uile shochairean is le uile bhuaidhean air an laimh eile; ’s feuch gu dean thu gu ciallach suidhichte do roghain, Iosh. xxiv. 15. Gabh t fhois amhain an’ DIA, Eoin vi. 68. suidh asios fuidh a sgàile, Caint. ii. 3. tionndadh a gheallaidh agus a bhuaidhean a mheith ann aghaidh an t saoghail gu h iomlan. Socruich air do chridhe gur leor am porsan dhuitsa DIA; ’s nach feud thu bhi truagh am fad as a bhios esan agad. Gabh e mar do sgiath, agus mar do dhuais anbharr mor. Is fearr dhuitsa DIA na aonar na ’n saoghal gu h iomlan; ’s air an aobhar sin dean thu fein lan-thoilichte leis. Roighnicheadh daoin eile urram agus inbhe ’n t saoghail, ach iarr thusa do shonas ann an gean-maith DHE, ’s ann an dealradh a ghnuis a bhi air a thogail air t anam, Salm iv. 6, 7. A pheacaich thruaigh! chlaon thu o DHIA, agus bhrosduich thu a chorruich is a chumhachd a t aghai; gidheadh biodh fios agad, a thaobh ro-mhead saibhreis a ghràis, gu bheil e tairgse’ bhi na DHIA dhuit ann an CRIOSD, 2 Cor. vi. 17, 18. Ciod mata tha thu ’g rà ris so? An aill leat an Tighearn’ a bhi na [TD 188] DHIA dhuit? Ma’s aill, thig ga ionnsui trid CHRIOSD agus gheibh thu e, Eoin xiv. 6. cuir cùl ris gach solas, prodhait, agus cliu peacach gam bheil thu striochda, 1 Tess. i. 9. tilg iad so as an cathair agus cuir gloir DHIA suas ann ad chridhe nan aite. Thoir dha, mar is cubhai do DHIA fhaotainn, an t àit is urramaich’ ann a t aigne, ann ad mheas, ann ad rùn, oir cha’n fhuiling e ni sam bith a chur an’ coimeas ris. Rom. i. 24. Salm lxxiii. 25. SEOLA VII. “Gabh ris an TIGHEARN’ IOSA, na uile oifigibh, le uile mhi-ghoireas, mar do Thighearna-sa, ’s mar do Shlanui’ear.” Air na cumhnanta so mhain tha CRIOSD ra fhaotainn. A pheacaich, rinn thu thu-fein a sgrios gu buileach; tha thu bàit’ ann an doimhne truaighe, as nach ’eil thu comasach air thu fein a theasairginn; ach tha IOSA CRIOSD comasach agus ulla’ gu cuideacha leat, is gu saor ga thairgse’ fein duit, Eabh. vii. 25. Eoin iii. 36. Cia lionar air bith do pheacaidh, air meud an uabharachd, no air fhad ’s gan raibh iad a’ cur dragh ort, gidheadh tha maitheanas agus slaint’ agad gu cinnteach ri fhaotain, mur cuir thu gu h amaideach cul ris an tairgse [TD 189] so tha mis’ ann ainm DHIA toirt seachad dhuit. Tha ’n Tighearn’ Ios’ ag iarrui ort sealltuinn airsan ’s a bhi air do shabhala, Isai. xlv. 22. “teachd da ionnsui-san, ’s nach cuir e air chor air bith cùl riut,” Eoin vi. 37. seadh, tha e guidhe’ ort a bhi rei’ ris, 2 Cor. v. 20. Tha e glaodhach anns na sràidibh, tha e bualadh aig do dhorus, a’ furail ort gabhail ris agus do bheath’ a chaitheadh maille ris, Seanr. i. 20. Taisb. iii. 20. Ma bhasaicheas tu, ’s ann a chionn nach b’ aill leat teachd do ionnsui-san arson beatha, Eoin v. 40. A nis gabh an Slanui’ear so th’ air a thairgse’ dhuit, is tha thu air do dheana suas gu siorruith; a nis thoir do thoil asuas da, ’s cha’n urr’ an saoghal gu h iomlan ur sgarachdainn. Na seas amach arson gu bheil thu neo-airidh; tha mis’ ag innse’ dhuit nach ’eil ni san t saoghal is urra do sgrios mur ’eil thu neo-thoileach. Labhair mata; am bheil thu deonach bhi air do cheangal ri CRIOSD? am bheil thu toileach gabhail leis anns gach aon daimh agus dreuchd, mar do Righ, mar do Shagart, agns mar t Fhaidh? An aill leat e cuideachd leis gach uile mhi-ghoireas agus dhocair a [TD 190] dh’ fheudas a bhi na dheigh? Na gabh CRIOSD le buille-tuairmeis; ach suidh asios ann toiseach agus cunnt an cosdus. Am bheil thu toileach gach ni th’ agad a thilge’ sios aig a chosaibh? am bheil thu toileach dol roi’ gach aon chunthart air a shon agus maille ris? am bheil thu toileach do chrannchar a bhi maille ris, ciod air bhith a thachras? am bheil thu toileach “thu fein aicheadh, do chrann-ceusai’ thogail, agus esan a leantuinn?” Am bheil thu toileach gu suidhichte, gu saor, agus gu daingeann dlù-leantuinn ris anns na h uile staid, agus anns na h uile am? Ma ’s e ’s gu bheil, m’ anams’ arson t anama-sa, nach d’ theid thu gu siorruith am mugha, ach gu bheil thu air t aiseag o bhàs gu beatha, Eoin iii. 16. So a chùis ris a bheil do shlainte gu h araid ann earbsa, thu bhi ann an cumhnanta daingeann mar so ri IOSA CRIOSD; agus air ann aobhar sin ma tha gradh agad dhuit fein, feuch gu bi thu dileas do DHIA agus do t anam fein sa ghnothach so. SEOLA VIII. “Thoir suas t uile chumhachd, t uile cheatfai, ’s thu fein gu h iomlan, dhasan.” Cosail riusan a “Thug eadhon iad fein do’n TIGHEARNA,” [TD 191] 2 Cor. viii. 5. “Thugaibh ur cuirp nam beo-iobairt suas do DHIA,” Rom. xii. 1. Tha’n TIGHEARN’ ag iarrui, cha’n e ur cuid, ach sibh fein. Air an aobhar sin thoir suas dhasan do chorp le uile bhallaibh, agus t anam le uile cheatfai, a chum as gu biodh esan air a ghlorachadh ann ad chorp agus ann a d’ spiorad, oir buinidh iad araon dhasan, 1 Cor. vi. 20. A rìs; is eigin duit gach ni bhuineas duit san t saoghal a thoirt suas dasan. Ma ghleidheas tu ni sam bith air ais o CHRIOSD, ni sin do mhille’, Luc. xiv. 33. Mur treig thu na h uile nithe (an’ rùn ’s an deasacha do chridhe) cha ’n fheud thu bhi d’ dheisciobul dasan. Is eigin duit fuath thoirt do t athair agus do d’ mhathair, agus do d’ bheatha fein cuideachd, ann an coimeas risan, agus co fad as a sheasas iad na aghaidh, Mat. x. 37. Luc. xiv. 26, &c. Ann aon fhacal, is eigin duit thu fein thoirt suas da, ’s gach ni tha agad, gun a bheag a chumail air ais, air neo cha’n fheud thu pairt sam bith a bhi agad annsan. SEOLA IX. “Dean roghainn do lagh is do aitheanta CHRIOSD mar riaghailt do smuainte, do bhriathra ’s do gniomhara,” [TD 192] Salm cxix. 30. ’S i so roghainn gach neach a bhios air fhior-iompachadh: ach an’ so, feumai tu na tri nithe so thoirt fainear. 1. “Is eigin duit an roighneachadh air fad.” Cha’n fheud thu gu bràth dol do neamh le bhi toirt umhlachd amhain do chuid diu’: leugh Salm cxix. 6, 128, 160, Esec. xviii. 21. Na saoile’ neach air bith gur leor a chuid is ea-truime, ’s is usa dheana do aitheanta DHIA thoirt fainear, is na dleasnais sin tha draghail, no cosdail, no mi-thaitneach le’r natur a leige’ seachad. Feumai tu an t iomlan diu’ ghabhail, air neo gun bheag idir. An duin’ a bhios air fhior-iompacha, ge d’ raibh an fhaicill is mò air mu na dleasnais is cuidrimiche, gidheadh tha suim aig a choinseas cuideachd do na peacaidh is lugha, ’s do gach aon dleasnas, Salm cxix. 6, 113. Mat. xxiii. 23. 2. Cha’n e mhain gu feum thu ’n coimhead gu h iomlan, ach mar an ceadna “anns gach aon am;” an docair is ann socair; am fliuch is ann tioram. Tha ’m fior iompachan tulchuiseach na shlighe, seasaidh e daingeann aig a roghainn, cha tionndaidh e chul-’aobh ris a ghaoith, is cha ghabh e cleachduinn an t saoghail arson a chreideimh. [TD 193] “Ghreimich mi ri d’ theisteas; coimheadai mi do reachd gu bràth gu crich mo shaoghail. Ghabh mi t aitheanta mar ’m oighreachd gu siorruith; bheir mi do ghnà fainear do statuisean,” Salm cxix. 31, 33, 44, 93, 111, 117. A nis cha’n ann gu faoin a dh’ fheumas tu so a chur romhad, ach gu suidhichte ’s gu daingeann. Thuirt am mac eas-umhal “Theid mi, Thighearna,” ach cha deachaidh e, Mat. xxi. 30. Bu mhaith a gheall iadsan a thubhairt, “Gach ni labhras an TIGHEARN’ ar DIA riutsa, ni sinne e.” Agus theaga gu raibh an run a reir an aidmheil; ach nuair a thainig a chùis gu àit’ a deuchainn, bha e soilleir nach raibh an cridhe togarrach gu dheana mar a gheall iad, Deut. v. 27, 29. 3. “Thoir fainear na dleasnais araid sin is mò tha ’n aghai do chridhe, ’s na peacaidh araid sin d’am mò do speis; agus feuch am bheil do chridhe leagta ris a cheud chuid a dheana, ’s a chuid eil’ a sheachna.” Ciod tha thu ’g rà ri d’ leannan peacai; ri d’ pheaca prodhaiteach? Ciod tha thu ’g rà ri dleasnais chosdail, chunthartach, agus shearbh do d’ natur? Ma tha thu stad ann so, ’s nach eil thu cur romhad, le gras DHIA, an [TD 194] fheoil aicheadh is dol air t aghai, tha do chridhe fathasd mi-fhallain agus cealgach, Salm xviii. 23. agus cxix. 6. SEOLA X. “Thoir faicill nach cuir thu dàil ann a t iompacha, ’s gu cuir thu mu thiomchiol gu grad agus gu dùrachdach.” “Rinn mi deifir, is cha d’ rinn mi maille,” arsa Daibhi’, Salm cxix. 60. Cuimhnich le ball-chrith air staid nan òighean amaideach nach d’ thainig gus an raibh dorus na trocair air a dhruideadh, Mat. xxv. 11. agus air Felics a chuir Pol air falbh gu am eile, nach deachai riamh a dheonacha dha, Gniomh. xxiv. 25. O thig astigh, am feadh a theirear ris an diugh, eagal ’s gu bi na nithe sin a bhuineas do d’ shìth air am falach gu siorruith o d’ shuilean.” An dràs tha trocair a’ suirgheadh ort; an dràs tha CRIOSD a’ feithe’ gu bhi grasmhor dhuit, agus Spioraid DHIA ri strì riut: an dràs tha coinnseas ga d’ bhrosdacha; an dràs tha am marga’ fosgailte ’s feudai tu ola fhaotainn ri cheannach; an dràs tha CRIOSD air a chur gu saor ann a d thairgse. O grad dhean greim air cuire na trocair. O! gabh ris an dràs ma b’ aill leat a dheana gu siorruith. Ma chuireas tu cul ris a chuire so, [TD 195] feudai DIA mionnacha na fheirg nach blais thu gu bràth d’a shuipeir, Luc. xiv. 24. SEOLA XI. “Feith gu coinnseasach air an fhocal, mar mheadhon t iompachai,” Sheum. i. 18, 19. 1 Cor. iv. 15. Feith, tha mi ’g rà, cha’n ann amhain gu bitheant’, ach gu coinnseasach; le togra, rùn, dòchas agus fiughair gu bi thu air t iompacha leis. Do gach aon searmoin bu choir dhuit dol le leithid so do smuainte; “O, tha dochas agam gu d’ thig DIA nis asteach; tha dochas agam gur e ’n diugh an t am, gur e so an duine leis an toir DIA dhathigh mi.” Nuair tha thu teachd ionnsuidh orduighean, tog do chridhe suas mar so ri DIA; “A THIGHEARNA, gu ma h i so an t sabaide, gu ma h e so an t am sam faigh mise gràs gu m’ ath-nuadhacha. O biodh e air a rà, gu riabh air an la so neach air a bhreith dhuitsa!” SEOLA XII. “Aontaich leis an Spiorad san uair an toisich e ri oibreachadh air do chridhe.” Nuair a thòisicheas e ri d’ pheacai is ri d’ staid a leige’ ris duit, O feuch nach caisg thu e; ach oibrich maille ris, agus guidh air DIA an geur-mhothacha so thoirt air aghaidh ionnsuidh iompachai. [TD 196] “Na mùch an SPIORAD,” 1 Tess. 5. 19. Na cuir doilghios air bhith, no bacadh air. Feuch nach caisg thu oibreacha, no gheur-mhothacha, le droch cuideachd no le dàmhair ghnothaiche saoghalta. Nuair a mhothaicheas tu trioblaid air bith ort fein arson peacai, no eagal air bith mu thiomchiol do staid shiorruith, guidh air DIA nach dealuich iad so gu brath ri d’ choguis, gus an tarruing iad air falbh do chridhe gu buileach o pheaca, ’s an toir iad thairis e dh’ ionnsui CHRIOSD. Abair ris, “A THIGHEARNA, gabh air t aghai le t obair, agus na sguir na meadhon. Ma tha thu faicinn nach ’eil mise fathasd air mo lot gu leor, is nach ’eil mi fui bhriste-cridhe gu leor arson mo pheacai, lot mi, THIGHEARNA, ni’s doimhne; ruig iochdar mo thruaill’eachd, agus claoi gu tur mo pheacai.” Mar so thoir thu fein asuas do oibreachadh an Spioraid, agus sgaoil do shiuil a ghlacail a ghaoithe. SEOLA XIII. “Cleachd urnaigh dhùrachdach ri DIA, gu curamach agus gu coilionta.” An ti nach ’eil ri urnaigh, cha’n ’eil ann ach peacach mi-naomh aingidh, Iob xv. 4. ’s an ti nach ’eil coiliont’ ann an [TD 197] urnaigh, cha’n ’eil ann ach cealgair, Iob xxvii. 10. ’S e aon do na ceud nithe sam bheil iompacha soilleir, gu cuir e daoine gu urnaigh, Gniomh. ix. 11. Air an aobhar sin cuir thusa mu thiomchiol an dleasnais so: na leig le latha dol tharad anns nach cuir thu thaoibh cail-eigin do uine, moch agus an-moch, arson aora suidhicht’ agus soleimnt’ a thoirt do DHIA ann an uaigneas. Air an doigh cheadna gach aon latha, gairm do theaghlach le cheile gu coilionta, gu aora thoirt do DHIA maille riut. Mo thruaighe thusa ma gheibhear do theaghlach-sa ’n àire’ nan teaghlaiche sin nach ’eil a’ gairm air DIA, Ier. x. 25. Ach cuimhnich nach ruig cràbha fuar agus marbh leth an rathaid gu neamh. Bi durachdach agus dian-leantuinneach. Bheir dian-leanmhuin agus strìdh amach buaidh; ach as eugais so cha toir thu gu bràth amach roighachd neimh, Mat. xi. 12. Feumai tu cruai-spairn a dheana gu dol asteach, Luc. xiii. 24. agus gleachd le deoir agus ath-chuinge, cosail ri Iacob, ma b’ aill leat gu racha tu air falbh le beannacha, Gen. xxxii. 24. le Hos. xii. 4. As eugais gràis, tha thu gu siorruith caillte, ’s air an aobhar sin is eigin duit cur ma [TD 198] thiomchiol, agus a chur romhad nach gabh thu diultadh. An duine sin tha leagta ris so fhaotainn, d’ an cainnt, “’S eigin damh gràs fhaotainn, is gu brath cha sguir mi gus am faigh mi e; iarrui mi, feithi mi, gleachdai mi ri DIA ’s ri m’ chridhe fein, gus an dean e m’ ath-nuadhacha le cumhachd a ghrais:”—’s e so an duine th’ air an rathad dhireach gu gras fhaotainn. SEOLA XIV. “Treig do dhroch chuideachd, Seanr. ix. 6 agus seachainn gach aobhar agus cion-fàth peacai,” Seanr. xxiii. 31. Cha phill thu gu bràth o pheaca gus an seachainn thu gach slighe ’s gach buaire tha ga d’ tharruing d’a ionnsui. Gu bràth gus an àichei’ thu thu-fein an fhad so, cha bhi sùil agam ri t iompacha. Ma bhios tu ri cluich’ air a bhruaich, is a’ cur do chois ann am beul an rib, theid t anam gu cinnteach a ghlaca. Nuair a bheir freasdal DIA sinn ann luib buairi’ nach b’ urra sinn a sheachna, feudai sùil a bhi againn ri coghnadh araid, ann an gnathacha nam meadhona: ach nuair a bhuaireas sinn DIA, le ruith d’ar deoin am builsgean cunthairt, cha’n ’eil e gealltuinn na leithid sin do bhuaire gu cum e suas sinn. Agus do na h [TD 199] uile buaire, cha mhor gu bheil aon air bhith is cunthartaiche ’s is measa na droch cuideachd. O cia tric a mhilleadh leis so a mhuinntir a b’ fhearr coslas! O na h anama, na teaghlaiche, na h oighreachda, ’s na bailtean a chaidh a mhille’ leis so! cia lion peacach truagh, bha air an dusga ’s air an soillseacha, direach ulla’ gus an t Aibhisteir a threigsinn, is an deigh an cas a shaoradh as a rib; is a bha na dheigh sin air fad air an tarruing air an ais, agus air an deana nan cloinn do ifrinn seachd uaire’ nis mo na bha iad roimhe? Ann aon fhacal, cha’n ’eil earbs’ air bhith agam asad, ni’s lugha na chrathas tu dhiot do dhroch chuideachd. Tha CRIOSD ag rà riut mar thuirt e aon uair ann seadh eile, “Ma tha thu g am iarrui-sa, leig leo sin falbh,” Eoin xviii. 8. Ris so tha t anam ann earbsa; treig iad sin, air neo cha’n fheud thu bhi beo, Seanr. ix. 6. Am bi thu ni ’s measa na ’n t animhidh, gu ruithe’ tu air t aghai ’s tu faicinn an TIGHEARNA le cloidhe’ ruisgte’ san t slighe? Aireamh. xxii. 33. Biodh na briathra so air am buala gu domhain air do choguis, SGRIOSAR COMPANACH NAN AMADAN, Seanr. xiii. 20. Labhair DIA [TD 200] so, agus co bhacas e? ’S an ruith thus’ an’ comhair do chinn gu leir-sgrios, ann diagh do DHIA coilion rabha thoirt duit? Ma dh’ atharraicheas DIA ’m feasd do chridhe, chìtear e o mhùtha do chuideachd. O, fuathaich agus seachainn an slochd a shluig coilion mìle anam asios gu truaighe. Biaidh e cruaidh ort gun amharus dol as; biaidh do chompanaich ri fanoid air do chrabha, ’s ag oidheirpeacha do liona le fuath ann aghai diadhachd; mar ni mi-sholasach agus tuirseach. Gnathaichidh iad gach miodal agus mealla nan innleachd; ach cuimhnich thusa rabhadh an Spioraid naoimh: “A mhic, ma bhrosduicheas peacaich thu, na h aontuich leo: ma their iad riut, Thig leinne, tilg do chrannchar asteach nar measg: na h imich ann san t slighe maille riu; cum do chas air a h ais o’n càsan; seachainn e, na siubhail ann, pill uaithe, agus imich romhad: oir tha slighe nan aingidh mar dhorchadas, cha’n ’eil fios aca ciod tha toirt tuisli dhoibh: tha iad a’ luidhe’ ’m plaid arson fala, ’s a’ luidhe’ ’n uaigneas arson an anama fein,” Seanr. i. 10—18. agus iv. 14—19. Mar so dh’ innis mi dhuit ciod is eigin [TD 201] duit a dheana chum bhi air do shabhala. Nach toir thu geill do ghuth an TIGHEARNA? nach eirigh thu ’s nach cuir thu mu thiomchiol na h oibre? O dhuine, ciod am freagra bheir thu seachad, no ciod an leth-sgeul a bhios agad, ma bhàsaicheas tu le h aingealtachd air a cheann mu dheire, ’n diaigh dhuit eolas fhaotainn air slighe na beatha! Cha’n ’eil eagal orm gu d’ theid thu air seacharan, mur dean do neo-churam agus do leisg fein do mhille’, le dearmad a dheanadh air na meadhona sin a chaidh co soilleir a sheola dhuit. Duisg mata, O lunndaire, ’s leig air t obair; tòisich agus bi deanamh, is bithidh an TIGHEARNA maille riut. CAIB. VII. Ann sa bheil Argumeinte gu Iompacha. GE d’ bu leor na chaidh a chur an ceill cheana, mu thiomchiol feumalachd an iompachaidh, agus truaighe na muinntir neo-iompaichte, gu thoirt air creatuir reusant’ air bith cur mu thiomchiol grad phille’ ri DIA, gidheadh o’n tha fios agam gu bheil cridhe ’n duine co aingidh agus do-lubai, [TD 202] mheas mi iomchui cuid argumeinte gu iompacha, thoirt seachad ann deigh nam meadhona ’s nan seolaidh a chaidh ainmeacha cheana. “A THIGHEARNA, na treig mi nis ann am oidheirp dheireannaich: mata anam air bith a leugh gu nuige so, ’s nach d’ fhuair fathasd mothacha; ’nis a THIGHEARNA, dean greim air agus dean t obair. A nis glac a chridhe ’s dean strì ris, gus an abair e Thug thu buaidh, oir is treise thu na mise.—A THIGHEARNA, nach d’ rinn thu dhiomsa iasgair dhaoine, agus shaoithrich mi fad na h uine, ’s cha do ghlac mi bheag. Och! gu caithinn mo spionna gun ni air bith do bhuannachd! A nis nuair tha mi toirt na h urchair mu dheire, seas thus’ a THIGHEARN’ IOSA, air an tràigh, agus seol dhomh cionnus agus c’ ait’ ann sgaoil mi mo lion. Cuidich leam na h anama sin air a bheil mi ’n tòir a chuartacha le argumeinte, co laidir ’s nach feud iad do las. A nis, a THIGHEARNA, thoir dhomh moran anama, nis thoir dhomh tarruing phailt! O THIGHEARNA DHIA; cuimhnich orm, guidheam [TD 203] ort, agus neartuich mi ach an aon uair so, O mo DHIA!” O cia lionar na h argumeinte dh’ fheudainn a ghnathacha sa ghnothach so? Ma tha gliocas air bith san t saoghal, is e so e, aithreachas a dheana ’s teachd asteach: ma tha ni air bith ceart, ma tha ni air bith reusanta, ’s e so e: ’s ma tha ni sam bith ann san t saoghal, a tha cuthaich agus amaideach agus mi-reusanta, ’s e thu bhi dol air t aghaidh ann ad staid neo-iompaichte. Guidheam ort mata, mur bu mhaith leat thu fein a sgrios gu toileil, suidh asios, agus cuidrimich, leis na chaidh a rà cheana, na h argumeinte so leanas. 1. “Tha ’n DIA chruthaich thu gu ro-ghasmhor a’ toirt cuiri’ dhuit.” (1.) “Tha a natur iochdmhor agus trocaireach ga d’ chuireadh.” O cia iochdmhor agus teo-chridheach DIA; cia pailt, oscionn a bheag air bith is urra sinn’ a smuainteach, a throcair! Tha i ni’s airde na neamh, ciod a dh’ fheudas sinne dheana? ni ’s doimhne na ifrinn, ciod a dh’ fheudas sinne thuigsinn? Iob xi. 7, 8, 9. “Tha e làn do iochd agus do ghràs; fad-fhulangach, agus saibhir an’ trocair.” Salm lxxxvi 15. Nach [TD 204] laidir an argumeint so gu peacaich a tharruing da ionnsui? “Pillibh ris an Tighearna ar DIA oir tha e iochdmhor agus trocaireach, mall a chum feirge, agus saibhir ann an gràs.” “Co an DIA is cosail riutsa, a mhaitheas aingidheachd?” Mic. vii. 18.—O pheacacha, faicibh ciod an DIA ris a bheil ur gnothach: ma ’s e ’s gu dean sibhs’ ach pille’, “pillidh esan a rìs agus ni e iochd oirbh; ceannsuichidh e ur n eas-aontais, agus tilgidh e ur peacaidh ann an doimhne na fairge,” rann 19. “Pillibh riumsa, arsa TIGHEARNA nam feart, agus pillidh mise ribhsa,” Mal. iii. 7. Sech. i. 3. Cha’n e idir meud na baralach a th’ aig peacaich air trocair DHIA tha gam milleadh, ach gu bheil iad dio-chuimhneach air a cheartas, agus earbsach a trocair air sheol nach ’eil i air a gealltuinn, Ge d’ tha throcair oscionn smuainte, Isai. lv. 9. mòr, 1 Chron. xxi. 13. lionmhor, Neh. ix. 19. caomh, Salm xxv. 6. cinnteach, Isai. lv. 3, siorruith, Salm ciii. 17. Isai. liv. 8. gheibh thusa còir air an iomlan, mas e ’s gu pill thu—Am bheil thu toileach teachd asteach mata? Feuch, chuir DIA uabhasan a thaoibh, chuir e suas cathair throcair, tha [TD 205] e sìneadh amach slait-shuaicheantais a shìth; bean d’i agus bi beo. An deanadh duine trocaireach a namhaid a mharbhadh, agus e na luidhe’ aig a chasaibh, ag aideachadh a chionnta, ’s a’ guidhe’ trocair? Nach lugha gu mor a ni DIA nan gràs?—Cuimhnich ciod e ainm, Exod. xxxiv. 7. agus fiosracha nan naomh, Neh. ix. 17. (2.) “Tha na h uile gairm agus gealla solasach a tha e toirt duit ga d’ chuireadh.” O cia durachdach tha throcair ga d’ leantuinn! cia teann, cia togarach tha i ’n tòir ort! “Pill, Israel chùl-sleamhnach, ars’ an TIGHEARNA, agus cha toir mis’ air mo chorruich tuiteam ort; oir tha mi trocaireach ars’ an TIGHEARNA, ’s cha ghlei mi gu siorruith mo chorruich; amhain aidich do chionnta. Pillibh, O chlann chùl-sleamhnach, ars’ an TIGHEARNA, oir tha mise pòsda ribh; pillibh, agus leighisidh mis’ ur cul-sleamhnachai.” Ier. iii. 11—14, 22. “Mar is beo mi, ars’ an TIGHEARNA DIA, cha’n ’eil tlachd agams’ am bàs an aingidh, ach is i mo roghainn gu pilleadh e o shlighe, ’s gu biodh e beo. Pillibh, pillibh o’r droch shlighibh, oir ciod uime bhàsaicheas sibh, [TD 206] O thigh Israel?” Esec xxxiii. 11. “Ma philleas an t aingidh o uile pheacaidh a chuir e ’n gniomh, is gu coimheid e mo reachdsa uile, ’s gu dean e an ni sin a tha dleasnach agus ceart, bithidh e gun amharus beo, cha’n fhaigh e bas. Cha toirear iomra ris air uile pheacaidh a chuir e ’n gniomh; na fhireantachd a rinn e, bithidh e beo. Pillibh, agus tiondaibh o’r peacai, ’s mar sin cha dean aingidheachd ur sgrios. Cuiribh air falbh ur n uile pheacaidh, is deanuibh dhuibh fein cridhe nuadh agus spiorad nuadh, oir ciod uime bhasaicheas sibh, O thigh Israel, oir cha’n ’eil tlachd agams’ am bàs an neach a bhasaicheas, ars’ an Tighearna DIA, air an aobhar sin pillibh sibh fein, agus bithibh beo.” Esec. xviii. 21, 23, 30—32. O cia trocaireach na briathra so! guth DHIA, agus cha’n e guth duine! Cha’n e so bèus daoine, gu’n iarradh an t uachdaran an’ deigh na traill’ a chuir corruich air. O gun eisde’ tusa ’n diugh a ghuth, nuair tha e ga d’ leantuinn agus a’ furail trocair ort! 2. “Tha geatai neimh air am fosgla dhuit, [TD 207] is na doirse siorruith air an sgaoile’ gu fairsing, a chum as gu feuda’ tu dol asteach do rioghachd DHE.” Tha CRIOSD a nis a’ labhairt riut mat a rinn Iesebel ri Ahab, “Eirigh agus gabh seilbh,” 1 Righ. xxi. 15. Gabh sealla do ghloir an t saoghail eile mar tha i air a leige’ ris ann san t soisgeul, dirich Pisgah, sliabh nan geallaidhean, is tog suas do shuil gu deas is gu tuath, gu ’n ear is gu ’n iar, agus faic am fearann maith sin tha ’n taobh thall do Iordan, ’s an sliabh maith sin; feuch pharras DE, air uisgeacha le sruthaibh gloire. Eirigh, agus imich feadh an fhearainn, air fhad agus air a leud, oir am fearann a tha thu faicinn, bheir DIA gu sorruith dhuit e, mas e ’s gu pill thu, Gen. xiii. 14, 15, 17. Ceadaich dhomh a rà riut, mar thuirt Pol ri Agrippa, “Am bheil thu creidsinn nam Fàidhean?” Ma tha thu do rìreadh a’ creidsinn, dean ach sealla ghabhail do “na nithe gloirmhor sin a th’ air an labhairt mu thiomchiol cathair an DE bheo.” Salm lxxxvii. 3. ’s biodh fios agad gu bheil iad sin uile ’n so air an tairgse’ dhuit an’ ainm DHIA: co cinnteach as is beo DIA, buinidh iad gu sorruith [TD 208] dhuitsa, ma philleas tu ’s ma bhios tu air t iompacha. Feuch a chathair sin aig a bheil gloir mar sholus, agus DIA mar theampul! Feuch a geatai sgaoilte, ’s gach aon a faotainn cuiri’ gu saor gu dol asteach! “O amadana, ’s mall-chridheach gu creidsinn!” an cuir sibh cùl ri gloir shorruith? an diult sibh dol asteach gu phàrras, nuair tha’n cloidhe’ lasrach sin a chuireadh aon uair gu’r cumail amach, an’ dràs, mar gu b’ ann, ga’r n iomain astigh? Ma dhiultas, an dara cuid cha’n ’eil creideamh agaibh, air neo cha’n ’eil ciall agaibh. Nach dean sibh ach aire thoirt do na nithe sin, a th’ air an tairgse’ dhuibh: “rioghachd gloire,” 1 Tess. ii. 12. “rioghachd sìth,” Rom. xiv. 17. “rioghachd shiorruith,” 2 Pead. i. 11. O rioghachd bheannuichte gun amharus! ann so gabhai tu cònuidh; ann so riaghlai tu gu siorruith, agus cuiri DIA thu d’ shuidhe’ air ri-chathair gloire, Mat. xix. 28. Cuiridh e le laimh fein crùn rioghail air do cheann, is cha’n e crùn sgithich; oir ann san aite sin cha bhi peaca, ’s ni mò bhios fulangas, Taisb. xxi. 27. agus xxii. 3—5. “Cha’n e crùn òir [TD 209] (oir cha bhi meas air bith air so san là sin,) ach “crùn beatha,” Sheum. i. 12. “crùn fireantachd,” 2 Tim. iv. 8. “crùn gloire,” 1 Pead. v. 4. seadh, “cuiri tu umad gloir mar thrusgan,” 1 Cor. xv. 43. agus “dealrui tu mar a ghrian sna speuraibh, ann an gloir t Athar,” Mat. xiii. 43. Amhairc a nis air do cholainn ghraineil, air a chrèi sin a bhios na lòn do na daolaibh: biaidh a cheart fheoil, a cheart chrè so ni’s dealruiche na na reultan, Dan. xii. 3.—Ann ath-ghairrid, biaidh tu air do dheana “cosail ri Aingle DHE,” Luc. xx. 36. agus “dearcai tu air a ghnùis-san ann am reantachd,” Salm xvii. 15. Amhairc a nis ann taobh astigh dhiot, agus innis domh, Am bheil thu fathasd a’ creidsinn? Mur ’eil, is eigin do d’ choguis a rà gur an-creideach thu, oir is e so Focal DE. Ach ma their thu gu bheil thu creidsinn, innis domh nis, ciod e do rùn. An gabh thu ris an ni so tha d’ thairgse mar do shonas? An cuir thu cul ri d’ phrodhait pheacaich, ri d’ sholas toirmisgt’? An saltair thu air urram an t saoghail; an spion thu thu-fein a’ glacaibh do sholais? Am bheil thu toileach gabhail ri masla ’s ri bochduinn, [TD 210] ma tharlas iad ort ann san t slighe gu neamh, agus CRIOSD a leantuinn le caithe-beatha iriosal agus fein-aich’eil? Ma tha, is leats’ an t iomlan, agus is leat e gu siorruith. Nach gloirmhor mata na bheil a d’thairgse? Nach airidh air damnadh esan a theid air aghai ’s a bhasaicheas, nuair tha so uil’ aig’ arson a thogail? An gabh thu DIA air fhacal? An leig thu uait do ghreim do’n t saoghal, an glan thu do lamhan o ’n pheaca, ’s an dean thu greim air a bheatha mhairtheannaich? Mur dean, innseadh do choguis duit mur ’eil thu air dhiobhail ceille, nuair tha thu deana dearmaid air roghainn co maith, leis am feuda tu bhi sona gu siorruith. 3. “Bheir DIA sochairean do-labhairt duit san t saoghal a tha lathair, 1 Cor. iii. 22. Eabh. xii. 22—24. Ge d’ raibh iomlaineachd do shonais air a ghleidhe’ gu saoghal eile, gidheadh bheir DIA dhuit nithe nach ’eil suarach an laimh.” Saoraidh e o thraillealachd thu, Eoin viii. 36. spionaidh e thu a’ glac an leoghainn; Col. i. 13. bruthaidh an nathair do shail, ach bruthaidh tusa a’ ceann, Gen. iii. 15. saoruidh e thu o ’n t saoghal olc a tha lathair, [TD 211] Gal. i. 4. Cha dean socair do sgrios, agus cha dean dòcair do sgaradh uaithe-san, Rom. viii. 35—38. saoruidh e o chumhachd na h uaighe thu, Salm xlix. 15. agus ni e righ nan uabhas na theachdaire sìth dhuit. Bheir e air falbh am mallachd o’n chrann-cheusai; Salm. cxix. 71. bheir e air docair agus trioblaid fein am moll a shèideadh air falbh, is an inntin a ghlanadh, Dan. xii. 10. Isai. xxvii. 9. Ni e do thearnadh o dhìte ’n lagha, ’s am mallachd a thionnda gu bhi na bheannacha dhuit, Rom. vi. 14. Gal. iii. 24. ’S ann aige tha iuchraichean a bhais agus na h ifrinn, agus is e dhruideas agus cha’n urra neach fosgla, Taisb. iii. 7. agus i. 18. druididh e am beul so, mar a rinn e aon uair beul nan leoghann, Dan. vi. 22. air chor as nach bi thus’ air do chiurra leis an dara bàs, Taish. ii. 11. Ach cha’n e mhain gu saor e o thruaighe thu; bheir e dhuit mar an ceadna sochairean do-labhairt. Bheir e e-fein duit; biaidh e na charaid agus na Athair dhuit, 2 Cor. vi. 18. is grian agus is sgiath dhuit e, Salm lxxxiv. 11. ann aon fhacal, biaidh e na DHIA dhuit, Gen. xvii. 7. agus ciod tuille, dh’ fheudar a rà? Ni e dhuit gach ni dh’ [TD 212] fheudas DIA fein a dheanadh. Esan aig am bi righ mar athair no mar charaid, biaidh sùil aige ri gibhtean rioghail uaithe. Ach ciod iad prionnsuidh agus righre talmhaidh air an coimeas ri DIA! Mar tha esan neo-chriochnach an’ gloir is an cumhachd oscionn an duslaich so, is amhlui bheir e da rèir sin sonas neo-chriochnach da luchd-muinntir oscionn ni ’s urr’ iadsan a thoirt do’n mhuinntir d’am bheil spèis aca. “Bheir e dhuibh gràs is gloir, is cha chum e uaibh aon ni maith,” Salm. lxxviv. 11. Gabhaidh e sibh nur n oighreachan air a gheallaidhean, Eabh. vi. 17. agus daighnichidh e leibh a chumhnanta gu siorruith, Ier. xxxii. 40. Ni e ur saoradh o gach ni is urra ’n lagh, a choguis, no an t Aibhisteir a chur nur n aghai, Rom. viii. 33, 34. Bheir e dhuibh saor chomas teachd na fhianuis, gabhaidh e ri’r pearsa, ’s eisdidh e ur n urnaigh, Eph. iii. 12. agus i. 6. 1 Eoin v. 14. Gabhaidh e cònuidh maille ruibh, bheir e dhuibh a rùn, agus cumaidh e co-chomun coiliont agus cairdeil ri’r n anam, Eoin xiii. 23. agus xv. 15. 1 Eoin i. 3. Biaidh a chluas fosgailte, biaidh a dhorus fosgailte, ’s biaidh a stòr fosgailte ’s gach aon am [TD 213] dhuibh. Biaidh a bheannacha do ghnà maille ribh, agus bheir e air na h uile nithe co-oibreacha chum ur maith, Salm. cxv. 13. Rom. viii. 28. 4. “Tha cumhanta na trocair air a thoirt co iosal air arson as a tha e comasach.” Chrom DIA arson pheacach co iosal as a dh’ fheudadh e. Cha’n fheud e bhi na ùghdar peacai, no smal a tharruing air gloir a naomhachd; agus, gun so a dheana, cionnus a dh’ fheudadh e teachd ni b’ isle na rinn e? Leig e dheth nithe ea-comasach a cheud chumhnainte, Ier. iii. 23. Mar. v. 36. Gniomh. xvi. 31. agus iii. 19. Seanr. xviii. 13. Cha’n ’eil e ’g iarruidh oirbh ni air bith mi-reusanta no ea-comasach mar chumhnanta beatha. Fui ’n cheud chumhnanta bha da ni mar fhiacha oirbh; 1. “Làn-dioladh a thoirt do cheartas DE arson peacai na h uine chai seachad.” 2. Umhlachd fhoirfe agus iomlan a thoirt nur pearsai fein do gach puinc do’n lagh, ann san uine ri teachd.” Bha iad so le cheile neo-chomasach dhuinne, Rom. viii. 3. ach feuch co trocaireach as a rinn DIA ’n ìsleachadh. An làn-diola sin a dh’ fheudadh e iarruidh oirne, tha e toileach a ghabhail [TD 214] o’n Urras sin a rinn e fein a dheasacha, 2 Cor. v. 10. Tha e ’g innse’ gu d’ fhuair e diola, Iob xxxiii. 24. 1 Tim. ii. 6. ’s nach ’eil e ’g iarrui ni air bith oirbh ach gabhail r’a Mhac, is gu bi e “na fhireantachd agus na shaoirse dhuibh,” Eoin i. 12. 1 Cor. i. 30. Agus arson umhlachd san uine ri teachd, tha e toileach aontacha le ’r n an-’uinneachd, is gun bhi ro-theann gu ’r failinn a chomharacha. Cha’n ’eil e seasamh aig foirfeachd mar chumhnanta beatha. Ge d’ tha e ’g innse’ gur e so a dhlighe, tha e toileach treibh-dhireas a ghabhail na àite, Gen. xvii. 1. Seanr. xi. 20. Ge nach urr’ thu ’n t ainmheach air fad a phaighe’, gabhaidh e uait a reir do chomais; an toil arson a ghniomh, agus an rùn arson a choilionai, 2 Cor. viii. 12. 2 Chron. vi. 8. Eabh. xi. 17.—Seadh, ma thig sibh da ionnsui trid CHRIOSD, is ga socruich sibh ur cridhe chum a thoileacha, ’s gu dean sibh ur n uile dhicheal na sheirbheis, bheir e cliu agus duais dhuibh, ge d’ raibh an soitheach air a mhille’ nur lamhan. O! smuainichibh air iochd ur cruthai ’ir; leigibh dhomh a rà ribh mar a thuirt a sheirbhiseach ri Naaman, ’O athair, nan [TD 215] abradh am faidh riut ni mor eigin a dheana, nach deana tu e? nach mò gu mor na sin nuair tha e ’g rà ruit amhain Ionnuil agus bi glan? 2 Righ. v. 13. Nan iarra DIA ni eigin teann cruaidh agus eagalach air do laimhsa chum dol as o dhamna siorruith, nach deana’ tu e? Ge d’ iarradh e ort do laithean air fad a chaithe’ ri bròn ann am fuar-fhasaich, thu fein a chlaoi le gort, no “toradh do chuirp a thoirt seachad arson peaca t anama,” nach gabha’ tu gu toileach slainte shliorruith, ge b’e so fein an cumhuanta? Nan deana do chruthai’ear air an do chuir thu corruich, do chumail rè aon bhliadhna, air leabai chraidh, agus an’ sin iarruidh ort do pheacaidh a threigsinn, gabhail ri CRIOSD, agus seirbheis a thoirt da car beagan do bhlia’nai, mar tha e cur mar fhiach’ ort san t soisgeul, air neo luidhe’ san staid so fad saoghal nan saoghal, nach gabha’ tu gu toileach an cuire, gun fhuireach fada san ioma-chomhairle? O pheacaich, pill agus bi beo; c’ arson a bhasaicheas tu, nuair tha beatha ri faotainn arson a gabhail; nuair tha trocair, mar gu b’ ann, a griosadh ort gun a diulta? Nam b’ urr’ thu rà gun amharus, “A THIGHEARNA, [TD 216] bha fios agam gu bu duine cruai thu?” Mat. xxv. 24. Bha ni eigin do leth-sgeul agad; ach nuair a dh’ ìslich DIA neimh e fein co mor, is a chrom e co iosal, co ’s urra smid a rà as do leth, mas e ’s na dheigh sin uile gu seas thu mach?—Os-barr, 5. “Far am bheil thusa lag, tha DIA tairgse’ dhuit grais a chum do dheana comasach.” Shìn mi mach mo lamh, is cha d’ thug aon neach fainear,” Seanr. i. 24. Ge d’ tha thu air do thilge’ san t slochd thruaighe sin, as nach urr’ thu fein gu bràth teachd amach, gidheadh tha CRIOSD a’ tairgse’ coghna leat; tha e sineadh amach a laimhe dhuit, is ma bhasaicheas tu ’s ann a chionn gu bheil thu cur cuil r’a chuideacha. “Feuch, tha mis’ am sheasamh aig an dorus agus a’ bualadh, ma dh’ fhosglas neach air bith dhomh, thig mi ’steach,” Taisb. iii. 20. Ciod e ge d’ raibh thu bochd agus truagh, agus dall, agus ruisgte? tha CRIOSD a tairgse’ leighis arson gach aon do t uireasuibh, tha e furail ort fhireantachd agus a ghràis. “Comhairlicheam dhuit òr a cheannach uamsa, chum ’s gum bi thu saibhir; agus trusgan geal, a chum ’s gun còdaichear thu; agus ung do shuille le [TD 217] sàbh-shùl a chum ’s gur lèir dhuit,” Taisb. iii. 17, 18. Am bheil thu cur an’ ceill gu bheil so cruaidh a chionn nach ’eil agad ni air bith leis an ceannuich thu? Ma tha, biodh fios agad gu bheil an ceannach so “gun airgiod agus gum luach,” Isai lv. 1. Tha e ri fhaotainn le iarruidh agus le ghuidhe’, trid gnàthacha durachdach agus coilionta nam meadhona sin a dh’ orduich DIA, Seanr. ii. 3, 4. Tha DIA ’g iarruidh ort eolas a ghabhail air, agus eagal a bhi agad roimhe. Am bheil thu ’g rà gu bheil t inntin dall is do chridhe cruaidh, air chor as nach’eil thu comasach air so a dheana? Tha mi ’g innse’ dhuit gu bheil DIA tairgse’ t inntin a shoillseacha, ’s eagal-san a chur ann ad chridhe; ma ’s e so do roghainn, Seanr. i. 29. “Do bhri’ gu d’ fhuathaich iad eolas, agus nach do roighnich iad eagal an TIGHEARNA;” so far am bheil an fhailinn. Air chor as ma bhios daoine nan coigrich air DIA, agus aineolach, gur ann a chionn nach ’eil “toil ac’ eolas a ghabhail air a shlighe,” Iob xxi. 14. “Ma tha thu ’g èigheach ann deigh eolais, ma tha thu ga iarrui mar airgoid, &c. ann sin tuigi tu eagal an TIGHEARNA, ’s gheibh [TD 218] thu eolas DHIA,” Seanr. ii. 3,—5. Nach maith an tairgse so? “Pillibh air ’m achasan-sa, feuch, doirti mi mach mo spiorad chugaibh,” Seanr. i. 23. Ge nach urra sibh ni air bith a dheanadh uaibh fein, gidheadh feudai sibh na h uile nithe dheana le Spiorad-san ga’r cuideacha; ’s tha e tairgse’ dhuibh a choghnai, trid gnathacha dicheallach air na meadhona. Tha DIA ’g iarruidh oirbh “sibh fein ionnlad agus a ghlanadh,” Isai. 1. 16. tha sibhs’ ag rà gu bheil sibh co neo-chomasach air so, ’s a tha ’n liobard air a bhreice chur uaithe, Ier. xiii. 23. Ach tha DIA tairgse’ ur glanadh, air chor as ma bhuainaicheas sibh neo-ghlan, gur ann le’r n an-toil fein a thachras e. Esec. xxiv. 13. “ghlan mis’ thu, agus cha raibh thu glan,” Ier. xiii. 27. “O Ierusalem, nach bi thu air do dheana glan? c’uin idir a bhitheas e?” Tha DIA ag feithe’ gus an aill leibh bhi air ur glana, gus an gabh sibh a thairgse, ’s gus an leig sibh leis na nithe sin a dheanadh annaibh agus air arson, nach urra sibh a dheanadh air arson fein. Cha’n ’eil fios agaibh ciod a ni DIA air ur n ath-chuinge, ma leanas sibh e gun fhois, agus ma bhuanaicheas sibh [TD 219] ann urnaigh, Luc. xi. 8 agus xviii. 5. Ge d’ eisd e ribh tamul, gidheadh beir e freagra dhuibh ann am iomchui, ’s ni e mu dheire trocair oirbh; oir cha d’ iarr neach riabh gnuis DIA Iacob ann diomhain, Isai. xlv. 19. CO-DHUNADH an Iomlain. A Nis, mo bhraithre, leigibh ris domh ur n intinn: ciod tha sibh a cur ro’ibh a dheanadh? An d’ theid sibh air ur n aghai ’s am basaich sibh? no, an cuir sibh mu thiomchiol iompachaidh iomlain agus ghrad, ’s an dean sibh greim air a bheatha mhairtheannaich? Cia fhad a ni sibh maill’ ann an Sodom? “Cia fhad a sheasas sibh eidir da bharail?” 1 Righ. xviii. 21. Am bheil sibh fathasd ann ag co dhiu’ ’s e CRIOSD no Barrabas, co dhiu’ ’s e solas no claoi, co dhiu ’s e fearann Chabul, 1 Righ. ix. 13. no pharras DE, roghainn is taitniche?—Am feud thu bhi ’n amharus air bith co dhiu ’s fearr Abana agus Pharphar, aimhniche Dhamascuis, na uile shruthaibh Edein; no co dhiu ’s fearr clàbar a pheacai na uisge [TD 220] na beatha, glan mar ghloine, teachd amach o ri’-chathair DHIA ’s an Uain? An urr’ an saoghal gun amharus na nithe sin a dheanadh air do shon a ni CRIOSD? An seas e laimh riut fad siorruitheachd? An d’ theid solas, fearann, ionmhus agus urram asios do’ n uaigh leat? Salm xlix. 17. 1 Tim. vi. 7. Mur d’ theid, nach iomchui sealltuin mu’n cuairt arson ni eigin a leanas riut? Ciod is ciall duit a bhi san ioma-chomhairle mar so, air t ais agus air t aghai? A chlann amaideach! cia fhad a dh’ fhanas sibh mar so san eidir-rionn? An eigin domh ur fagail air a cheann mu dheire cosail ri Agrippa, gun bhi ach dlù air bhi nur Criosdui’ean? Ma dh’ fhagas mi ’n so sibh, tha sibh gu bràth caillte; mur Criosdui’ean sibh gu h iomlan, cha Chriosdui’ean sibh idir. Tha leth-rùn agaibh ur caithe-beatha neo-churamach a leige’ dhibh, is cur mu thiomchiol giulain naoimh agus fhaicillich; b’ fhearr leibh gu biodh sibh cosail ri cuid eile, ’s gu b’ urra sibh a dheana mar a ni iadsan: ach cia fhad a dh’ fhanas sibh aig a leithid so do rùn faoin is do ghuidhe dhiomhain? C’ uin a thig sibh gu rùn lan, daingean agus tul-chuiseach a bhi nur Criosdui’ean do rireadh? Nach [TD 221] ’eil sibh faicinn mar tha ’n t Aibhisteir ga’r mealla le bhi toirt oirbh dàil a chur nur n iompacha? Cia fhad a chum e cheana sibh ann slighe ’n aimhleis? Cia lion bliadhna bha sibh a’ cur ro’ibh leasacha? Ciod nan deana DIA ur gearra sios ann san uine so? Guidhim oirbh na cuiribh air falbh mi gun fhreagra: na tugaibh iomra air an uine ri teachd; is eigin domh ur toil fhaotainn air ball. Mur ’eil ur rùn suidhichte nis, nuair tha DIA ri strì ribh, tha e moran ni’s ea-coslaiche gu bi sibh toileach na dheigh so, nuair a bhios na smuainte so air dealacha ribh, ’s a bhios sibh air ur cruadhacha trid mealltoireachd a pheacai. An sìn sibh dhomh ur lamhan? an toir sibh seilbh do’n TIGHEARN’ IOSA gu h ullamh is gu h iomlan? Am bheil sibh toileach sibh fein a nasgadh an’ cumhnanta ris? Ciod tha sibh ag rà? Ma tha sibh fathasd a’ cur dàil sa chùis, chaill mise mo shaothair, is thig gach ni rinn mi gu neo-brigh. Guidhim oirbh, na leigibh dha so tachairt: thigibh; tilgibh asteach ur crannchar; deanaibh roghainn: “So an t am taitneach, so latha na slainte; an diugh ma dh’ eisdeas sibh a ghuth.”—Com’ nach b’ e so an là o’n tionnsgain do [TD 222] shonas? Com’ an gabha tu do dhanadas fuireach la ni ’s faide sa chunthart eagalach a bheil thu? Ciod nan iarra DIA air an oi’che so uait t anam? “O gu b’ aithne dhuit, an ad là so fein, na nithe bhuineas do d shith, mu’m bi iad air am falach od shuilibh,” Luc. xix. 42. ’S e so do la, ’s cha’n ’eil ann ach la, Eoin ix. 4. Fhuair daoin’ eil’ an latha fein, is fhuair iad na dheigh sin am bìne, ’s tha thus’ a nis air do thoirt ionnsuidh an t saoghail a thilgeil do chrannchair arson siorruitheachd. Cuimhnich gur ann ri d’ ghiulan ann dràs tha do chor fad saoghal nan saoghal ann earbsa. Mur dean thu roghainn ghlic an dras, tha thu caillte gu siorruith. Bi faicilleach mata mu d’ roghainn, oir biaidh do chor da reir gu siorruith suthainn, Luc. x. 42. agus xvi. 25. Seanr. i. 27—29. ’S am bheil so gun amharus fior? Am bheil beatha agus bàs ad roghainn! Seadh, tha e co fior as a dh’ fheudas firinn a bhith, Deut. xiii. 14. c’ arson mata nach bi thusa sona? Ciod ach do dhearmad no do dhiulta toileil fein is urra do bhaca. “Feuch ann so tha uisge,” (ars’ an Caillteanach ri Philip) “ciod a bhacas mise bhi air mo [TD 223] bhaiste’?” Air an doigh cheudna, feudai mise rà riutsa, Feuch ann so tha CRIOSD, ann so tha trocair, maitheanas agus beatha; ciod a bhacas tusa bhi air do shaora ’s air do shabhala? O pheacaich! an loisg thusa, ’s do mhaitheanas ad thairgse? Nach toir thu suas thu fein do CHRIOSD, nach cuir thu cùl ri d’ pheacai, nach àicheidh thu thu-fein, ’s nach tog thu chuing is an crann-ceusaidh, agus theid an latha leat. Seadh, ma ni thu so, is leat CRIOSD, maitheanas, sìth, beatha, sonas, na h uile nithe. ’S nach maith is fhiach dhuit gabhail ri leithid so do thairgse? C’ arson a sheasas tu ann ag, no an’ ioma-chomhairle? Am bheil ag air bith nach fearr DIA na diomhanas, agus gloir na peaca? C’ arson a threigeas tu do shonas, is a pheacaicheas tu ’n aghai t anama fein? C’ uin a chrathas tu dhiot do leisg, is a chuireas tu do leth-sgeula air cùl? “Na maoi’ thu fein as an la-marach,” oir cha’n ’eil fios agad c’ ait am feud an oi’che nochd do thasgaidh, Seanr. xxxii. 1. A mhuinntir mo ghraidh, tha ’n Spiorad naomh ann dràs a’ strì ribh, ach cha dean e strì ribh an’ cònuidh.—Nach do mhothaich thu, dhuine, do chridhe blàth leis an fhacal, [TD 224] is nach beag nach do chuireadh mar fhiacha ort do pheacaidh a threigsinn is teachd ionnsui DHIA? Nach do mhothaich thu cuid do smuainte maith a’ gluasad ad chridhe, bha toirt rabhai dhuit air do chunthart, is ag innse’ dhuit c’ ait an criochnaiche’ do ghiulan mi-fhaicilleach agus aingidh? Theaga gu bheil thu cosail ris an leanabh Samuel, aig nach raibh fios, nuair a ghlaodh DIA ris aon uair agus a rìs, gu b’ e guth an TIGHEARNA bha ann, 1 Sam. iii. 6, 7. Gidheadh is iad na smuainte so cuire, gairm, agus strìdh an Spioraid: O, ceap an seol-mara, agus aithnich latha do shìth. An dràs tha ’n Tighearn’ IOSA, le glaca sgaoilte, ullamh gu gabhail riut; agus a’ guidhe ort leinne, teachd da ionnsui. Cia durachdach, cia trocaireach, cia iochdmhor tha e glaodhach riut! Cia grad tha ’n eaglais a’ mosgla le fuaim a ghutha? “’S e guth mo ghraidh ata ann!” Cainnt. ii. 8. O! an cum thusa cluas bhodhar r’a ghuth? Cha’n e an guth sin a bhristeas na cedair, is a bheir air na sleibhte clisge’, a chuireas an fhasach air chrith, ’s a sgaoileas an dealanach, leis a bheil e labhairt riut; cha mho ’s e tairneanach Shinai th’ ann, ach guth [TD 225] ciuin agus samhach: cha’n e guth sleibh Ebal, guth mallachaidh agus uabhais a th’ ann, ach guth sleibh Gerisim, guth beannachaidh, agus ait-sgeula, Deut. xxvii. 12, 13. Cha ’n e guth na trompaid no a chogaidh a th’ ann, ach teachdaireachd sìth, o Righ na sìth, Eph. vi. 15. 2 Cor. v. 18, 20. Shaoilinn, nuair tha chùis mar so, gun abra tusa leis an leannan, “Dh’ fhailnich mo chridhe nuair a labhair e,” Cainnt. v. 6. Feudai mi rà riut, O pheacaich, mar thuirt Marta r’a piuthair, “Tha am Maighstir a’ teachd, agus tha e ga d’ ghairm,” Eoin xi. 28. O, nis eirigh gu grad le Muire, ’s thig da ionnsui. Cia solasach agus cia saor a chuire! “Ma tha tart air neach air bith, thigeadh e m’ ionnsui s’ agus òladh e,” Eoin vii. 37. Seanr. i. 21. Tha e fosgladh a thaoibh gu ioc-shlaint’ a thoirt do gach neach, is cha’n ’eil e bacadh aon, “Co air bith leis an aill, thigeadh e ’s gabhadh e uisge na beatha gu saor,” Taisb. xxii. 17. Co air bith ata glic thigeadh e ’steach ann so. Thigibh, ithibh do m’ aran, òluibh do ’n fhion a mhaisg mi,” Seanr. ix. 4—6. Thigibh a m’ ionnsui-sa &c. gabhaibh [TD 226] mo chuing oirbh, agus foghluimibh uam, agus gheibh sibh fois dur n anamaibh,” Mat. xi. 28, 29. “An ti thig am ionnsui, cha tilg mi air chor sam bith amach e,” Eoin vi. 37. Cia goirt a tha e caoi na muinntir tha cur cùil ris? “O Ierusalem, a Ierusalem! cia minic a b’ aill leam do chlannn a chruinneacha r’a cheile, mar a chruinnicheas cearc a h eoin f’a sgiathaibh, agus cha b’ aill leibh!” Mat. xxiii. 37. “Feuch mise, feuch mise, sgaoil mi mach mo lamha fad an là do chinneach eas-umhal,” Isai. lxv. 1, 2. O, tilgibh sibh fein a nis fa dheire ann an glacaibh a graidh, agus bithibh gu bràth tearuinte. Feuch, O chlann nan daoine, dh’ fhosgail an Tighearn’ Ios’ a nis am priosun, is tha e teachd dur n ionnsui mar na h uachdarain ionnsui nan abstol, Gniomh. xvi. 39. agus a’ guidhe’ oirbh teachd amach. Nam b’ ann a’ pharras, no a’ luchairt a bhiodh CRIOSD ga’r gairm, cha b’ ioghna ge nach biodh sibh toileach; (is gidheadh cia furast’ a bha Adhamh air a mhealladh as sin!) Ach is ann o’r priosun, a dhaoine, o’r geimhlibh, o aimhleas agus o dhorchadas, a tha e ga’r gairm, Isai. xlii. 6, 7. agus an e nach tig sibh? Tha [TD 227] e ga’r gairm gu saoirse, Gal. v. 13. agus nach eisd sibh ris? Tha a chuing ea-trom, a lagh furast, a sheirbheis saor, Mat. xi. 30. Sheum. i. 25. 1 Cor. vii. 22. Agus cia beag air bhith tlachd a th’ agaibh ann dras do slighe DHIA, ma chreideas sibh e fein, mothaichi sibh gu gairrid gu bheil i làn do shìth agus do sholas, blaisi sibh aoibhneas do-labhairt, agus gheibh sibh sonas neo-chriochnach innte, Seanr. iii. 17. Salm. cxix. 103, 111, 165. 1 Pead. i. 8. A mhuinntir ioumhuin, is duilich leam dealacha ribh; cha’n ’eil fios agam cionnus a bheir mi thairis sibh. Tha mi nis ulla’ gu co-dhunadh, ach bu mhiannach leam mu’n sguir mi an cumhnanta so a nasgadh eidir CRIOSD agus sibhsa, mu’n d’ theid mi air ’m ais a dh’ ionnsui mo mhaighstir, le gearan goirt gu do chuir sibh cùl ri m’ theachdaireachd. Ach is suarach cul a chur riumsa, tha sibh a’ cur cuil ri trocair DHIA, ri iochd an t Slànui’-ir is ri gras an Spioraid, Gniomh. vii. 11. Ach, ge do ghlaodh mi fada ribh is ge do dhiult sibh, an aon uair so fathasd togai mi suas mo ghuth mar thrompaid, agus glaodhai mi o ionada ard’ a bhaile, mu’n toir mi [TD 228] ’n èighe thruagh agus dheireannach gu do leig mi gu buileach dhiom sibh. Aon uair eile glaodhai mi ’n deigh pheacach gun mhothacha, chum is ma tha e comasach gu duisginn iad: “O thalaimh, a thalaimh, a thalaimh, cluinn briathra ’n TIGHEARNA,” Ier. xxii. 29. Mur ’eil sibh leagta ri basacha, thugaibh aire, mar gu b’ ann, do’n chuire dheireannach a gheibh sibh o throcair. Feuch, ann ainm DHIA, tha mise gu follas a reic na teachdaireachd ribh. “Eisdibh rium, O chlann, eisdidh ri teagasg, agus bithibh glic, is na cuiribh cùl ris,” Seanr viii. 32, 33. “Ho! gach aon air am bheil tart, thigibh a chum nan uisgeacha; agus esan aig nach ’eil airgiod; thigibh, ceannuichibh agus ithibh: seadh, thigibh, ceannuichibh fion agus bainne, gun airgiod agus gun luach. C’ arson a chaitheas sibh ur n airgiod arson an ni sin nach aran, agus ur saothair arson an ni sin nach sàsuich? Eisdibh gu durachdach riumsa, agus ithibh an ni ’s maith, agus biodh ur n anam làn do sholas, Claonuibh ur cluas agus thigibh am ionnsui-sa; eisdibh, agus mairridh ur n anam beo, ’s ni mise [TD 229] cumhnanta siorruith ribh, eadhon trocaire cinnteach Dhaibhidh,” Isai. lv. 1.—3. Ho! gach neach tha tinn le seort’ air bith eacail no cràidh, Mat. iv. 23, 24. no th’ air a bhuaire’ le droch spiorad, ardain, feirg, no an-miann, no sainnt, thigibh a chum an Leigh, is thugaibh leibh ur daoine tinne: feuch an so tha esan “a leighiseas gach gnè thinneis, agus gach gne eacail a measg a phobuil.” Ho! gach aon tha ’m peaca, gach aon a tha ’m buaire, gach aon a tha ’n cruai-chas air bith no an’ trioblaid, cruinnichibh sibh fein a chum CHRIOSD, agus bithidh e na Chaiptin oirbh; tearnaidh e sibh o theanndach an lagha, agus saoruidh e sibh o dhioghaltas. Feuch, tha e na thearuinteachd chinnteach dhuibh is na aite-didein, Eabh vi. 18. Salm. xlviii. 3. Cuiribh uaibh ur peaca, ’s teichibh da ionnsui mu’n glacar sibh le corruich an Uile-chumhachdaich. Ho! gach peacach ain-eolach, thig agus ceannuich sàbh-shul a chum ’s gu bu leir dhuit, Taisb. iii. 18. Cuir uait gach leth-sgeul; tha thu gu siorruith caillte, ma dh’ fhanas tu sa bheachd am bheil thu, 2 Cor. iv. 3 Ach gabh ri CRIOSD mar t fhàidh, [TD 230] agus bheir e solus duit, Isai. xlii. 6. Epb. v. 14. Glaodh ris arson eolais, rannsuich fhacal, meoruich steidh do chreideimh, irislich thu fein na lathair, agus teagaisgidh e dhuit a slighe, ’s ni e glic thu chum slainte, Mat. xiii. 36. Luc. viii. 9. Eoin v. 49. Ach mur gnathaich thu gu durachdach na meadhona, ’s gu suidh thu sios gu lunndach, a chionn nach ’eil agad ach aon talanta, ni e do dhìte mar sheirbhiseach leasg agus aingidh, Mat. xxv. 24, 26. Ho! gach peacach an-diadhai, ciod air bith thu, thig asteach agus bi beo: pill ris an TIGHEARNA, ’s ni e trocair ort. O, gabh os laimh pilleadh agus teachd, thus’ a shalaich do bheul le mallacha ’s le mionnan ’s le breugan; biaidh gach gnè pheacaidh agus blaspheim “air am maitheadh dhuit,” Mar. iii. 28. ma philleas tu gu h iomlan is ma thig thu dh’ ionnsui CHRIOSD, Ge do bha thu co neo-ghlan ri Magdalen, “cuir uait do neo-ghlain’ as do shealla, ’s t adhaltrus o d’ chridhe,” ’s thoir suas thu fein do CHRIOSD mar shoitheach naomhachd, iomchuidh arson a sheirbheis; agus an’ sin ge d’ raibh do pheacai mar scarlaid bithidh iad mar olainn, ’s ge d’ raibh iad [TD 231] mar chorcar biaidh iad geall mar shneachda, Luc. vii. 47. Isai. i. 18. Eabh. ix. 14. Eisdibh, O mhisgeara, “cia fhad a bhitheas sibh air mhisg? cuiribh uaibh ur deoch laidir,” 1 Sam. i. 14. Ge do bha sibh roimhe so ga’r n aoirneagan nur sailche fein, pillibh a nis le h aithreachas, agus cuiribh gu buileach cùl ri’r n an-mianna, ’s bithidh sibh air ur failteacha leis an Tighearna, 2 Cor vi. 17. Thugaibh asuas sibh fein do CHRIOSD, a chum ur beath’ a chaithe’ gu measarra, gu cothromach, agus gu diadhai: deanuibh greim air fhireantachd-san, striochdaibh da uachdranachd, is cia graineil air bith a bha sibh, ni esan ur n ionnlad agus ur glanadh, Taisb. i. 5. Eisdibh, O chuideachd dhiomhain, aig am bheil tlachd an’ companas aingidh agus amaideach, a chum ur beath’ a chluich’ air falbh ann aighear is ann sugra, thigibh asteach air iartas gliocais; roignichibh i fein agus a slighe, ’s mairri sibh beo, Seanr. ix. 5, 6. Eisdibh, O luchd fanoid, eisdibh guth an TIGHEARNA; ge do rinn sibh fanoid air diadhachd, is air a luchd aidmheil, ge do rinn sibh tair air CRIOSD agus air a slighe, [TD 232] gidheadh ribhsa tha e glaodhach sibh-fein a chruinneacha fui sgiathaibh a throcair, Seanr. i. 22, 23. Ann aon fhacal, ge d’ raibh sibh am measg na cuid is measa do ’n àire’ mhi-dhiadhai, 1 Cor. vi. 9, 10. gidheadh air dhuibh fior-iompacha, biaidh sibh air ur glanadh, biaidh sibh air ur naomhacha’ ’n ainm an Tighearn’ IOSA, agus le Spiorad ar DIA-ne, rann 11. Ho! gach fear aidmheil fuar agus saobh-chrabhach, thusa nach ’eil ach ad Chriosdui meo-bhlàth agus leth-bhruich, is a tha stad ann an coslas na diadhachd, thoir thairis do d’ bhacaiche ’s do d’ leth-dheanadas, bi ann ad Chriosdui gu h iomlan, bi eudmhor agus dean aithreachas; agus ann sin cia graineil air bith a bha thu le CRIOSD roimhe so, biaidh tu nis ann ad thoilinntin da chridhe, Taisb. vii. 16, 19, 20. A nis thugaibh fianuis gu deachai trocair a thairgse’ dhuibh. “Tha mi gairm neamh agus talamh gu fianuis a thogail nur n aghaidh air an là diugh, gu do chuir mi mu’r coinne’ beatha agus bàs, beannachadh agus mallachadh; uime sinn roighnichibh beatha, chum ’s gu mairre’ sibh beo,” Deut. xxx. 19. Cha’n urra mis’ [TD 233] ach cuire thoirt duibh agus rabha; cha’n urra mi ur n eigineacha gu bhi sona, na ’m b’ urra dheanainn e. Ciod mata ’m freagra chuireas sibh leamsa dh’ ionnsui mo mhaighstir? Leigibh dhomh labhairt ribh ann am briathra seirbheisich mhaith Abraham, “Agus a nis ma bhuineas sibh gu caoineil agus gu firinneach ri m’ mhaighstir, innsibh dhomh,” Gen. xxiv. 49.—O gu freagra sibhs’ a nis co taitneach as a rinn Rebecca, rann 57, 58. “Agus thubhairt iad gairmi sinn a mhaighdeann, agus feoruichi sinn da beul fein. Agus ghairm iad Rebecca, ’s thubhairt iad ri i, An d’ theid thu leis an duine so? agus thubhairt ise, Theid mi leis.”—O gu faighinnsa ’m freagra ceudna uaibhsa! C’ arson is eigin domhs’ ur dite’ Mat. x. 14, 15. nuair tha mi ’n tì co mor air ur sabhala? C’ arson a bhios gach cuire ’s gach strì tha trocair a’ deana ribh, air an tionnda gu bhi n an antromacha d’ ur cionnta, ’s nan co-chuideacha d’ur truaighe? Thugaibh fein breitheanas: an saoil sibh nach bi dìte na muinntir sin an-bharr eagalach, a theid air an aghai nam peacaidh, ann deigh na h uile meadhon agus dicheal a bhi air an gnathacha chum [TD 234] am pilleadh? Cha’n ’eil ag air bith nach bi e ni ’s “so-iomchair’ do Thirus agus do Shidon, seadh, do Shodom agus do Ghomorrha, ann là bhreitheanuis, na dhuibhsa,” Mat. xi. 22, 24. A mhuinntir mo ghraidh, mata iochd air bith agaibh air ur n anama truagha, grad dheanaibh greim air an trocair sin a tha nur tairgse: no cuiribh sibh fein ann tuille cunthairt, agus na tugaibh, dhuinne tuille peine. Mata ughdaras air bith aig an DIA chruthaich sibh os ur cionn, thugaibh geill da aithne ’s thigibh asteach: Mur b’ aill leibh tarcuis a dheanadh air gras agus dorus na trocair a dhruideadh oirbh fein, grad dheanaibh aithreachas agus bithibh air ur n iompacha. Na leigibh le neamh seasamh fosgailt’ air ur son an’ diomhain: na leigibh leis an Tighearn’ IOSA gach seud priseil a th’ aige chur m’ur coinne ’s iarruidh oirbh ceannach gun airgiod agus gun luach, ann diomhain; na leigibh le mhìnisteirean is le spiorad strì dheana ribh an’ diomhain; ’s ur fagail mu dheire gun iompacha; air eagal gu tig am bìne so mach nur n aghai, “Tha na builg air an losga’, tha ’n luaith air a caithe’ leis an teine, tha ’m fear-leaghaidh [TD 235] a leughadh an’ diomhain, oir cha’n ’eil na h aingidh air an tarruing as: droch airgiod goiri daoine riu, do brigh gu do dhiult an TIGHEARN’ iad,” Ier. vi. 29, 30. O athair nan uile spiorad, gabh thus’ ad laimh fein an cridhe sin tha tuille ’s cruaidh air mo shonsa, creatuir lag agus ea-treorach. Na sguir thusa ge do sguir mise; ni an lide ’s lugha uaits’ an gnothach; oir cha’n ’eil ni sam bith cruaidh air do chumhachd. O thus’ aig a bheil iuchair Dhaibhidh; a dh’ fhosglas agus cha ’n urra neach druideadh, fosgail thus’ an cridhe so mar a rinn thu cridhe Lidia, ’s leig le Ri’ na gloire dol asteach; ’s gu gabhadh e seilbh air an anam. Na leig leis a bhuaireadair a mhealla le neo-churam no le dail, na leig dha glidneach’ as an aite so, no shuil thoirt bhar nam briathra so, gus an gabh e rùn suidhichte gu treig e pheacai, ’s an dean e greim air beatha, air na cumhnanta sin air a bheil thusa ga tairgse. Ann a t ainmsa, O Thighearna DHIA, thionnsgain mise san t saothair so, agus ann a t ainm tha mi nis ga co-dhuna. Na leig do ’n ùine sin a bhuilich mi m’a tiomchiol, a bhi gu buileach air a call; na leig do gach [TD 236] smuainte, do gach curam, is do gach saothair a ghabh mi, bhi air fad an diomhain. A THIGHEARNA, cuir do lamh asteach agus bean ri cridhe na ti tha ga leugha so, no ga eisdeachd, agus cuir da ionnsui do Spiorad, mar a chuir thu Philip ionnsuidh a chaillteanaich nuair a bha e na charbad a’ leughadh an fhocail: is ge nach bi fios agams’ air gu bràth am fad is beo mi, gidheadh guidheam ort, O Thighearna DHIA, faicear air an là sin, ann san gairmear sinn uile gu cunntas, gu raibh cuid do anama air an iompacha leis an obair so, agus deonuich gu feud cuid seasamh asuas ann sin agus a rà gu do chuir na h argumeinte so iompaidh orra gu pille’ riutsa. Amen, Amen! [TD 237] Earail àraid do Cheannarta Theaghlaichean. A MHUINNTIR ionmhuin, cha’n ’eil fiughair agam ur toirt gu brath gu slaint’ as eugais naomhachai, no gu d’ theid am feasd ur cur ann seilbh an’ sonas mur bi sibh an toiseach naomha. Tha fios aig DIA nach ’eil an dochas is lugh’ agam gu faic mi aon aghaidh agaibh gu bràth an neamh, mur bi sibh air ur n iompacha ’s air ur naomhacha, ’s air ur cleachduinn ri diadhachd. Guidhim oirbh mata, bithibh diadhai nur pearsa fein, agus diadhai nur teaghlaiche. 1. Nur pearsa fein. Feuchaibh gur e ur curam araid CRIOSD a chur asuas nur cridheacha: feuchaibh gu striochd ur gnothaiche saoghalt’ air fad dhasan; is gu bi sibh fein is gach ni bhuineas duibh deas gach am a’ feitheamh air a sheirbheis. Ma bheir sibh dur deoin, am bitheantas, agus le fios duibh, fardach do pheaca sam bith, tha sibh caillte, Salm lxviii. 21. Esec. xviii. 10. Feuchar gu gabh sibh gu neo-chealgach lagh CHRIOSD mar riaghailt ur smuainte, bria- [TD 238] thra, agus gniomhara. Striochdaibh an duine gu h iomlan, eidir cholann agus inntin, gu dileas dasan, Salm cxix. 34. Rom. vi. 13. Mur ’eil fior spèis agaibh do aitheantaibh DHIA gu lèir, cha’n ’eil ur cridhe fallain, Salm cxix. 6. O, thugaibh gach oidheirp gu iomhaigh DHE fhaotainn air a bualadh oirbh an taobh astigh. Toisichibh aig a chridhe, air neo tha sibh a’ togail gun aon steidh. Deanaibh dicheal air atharracha slainteil fhaotainn o’n taobh astigh, air neo ’s diomhain gach seirbheis a ni sibh o ’n taobh amach. Oidheirpichibh ann sin cumhachd na diadhachd a leigeil fhaicinn nur caithe-beatha. Gu ma h e urram agus eagal DIA ur ceud churam agus ur curam sonraichte. So dleasnas is mò air bith. Feuchaibh nach bi aon neach agaibh mi-chrabhai, no ri dearmad air urnaigh, oir is comhara cinnteach so gu bheil neach gun CHRIOSD, gun ghràs aige, ’s gu bheil e na fhior choigreach air eagal DIA, Salm v. 7. Na leigibh d’ur Biobuil cadal diomhanach; feuchaibh gu bi sibh gach là a’ còra ri facal DIA, Eoin v. 39. Cha’n ’eil gnothach aig an duine sin gu brath ri sonas aig nach ’eil tlachd ann naomh reachd DE, ’s nach ’eil ga rannsacha sin, is [TD 239] a chridhe fein, a dh’ oich’ agus do là, Salm i. 1, 2. Ach cha’n ’eil an’ eagal DIA gun seirc do dhaoine, ach leth ar dleasnais, seadh cha’n ’eil ann ach cealg ghràineil. Cha’n fheud sinn clòir an lagh’ a roinn. Feuch mata gu dean thu ceartas agus gu gradhaich thu trocair; gu ruith cothrom agus gradh air feadh gach aon cheim do d’ ghiulan. Bi measarra ’s na h uile nìthe; ’s thoir geanmnui’eachd agus stuamachd leat gach taobh a theid thu. Biodh firinn agus glaine, socair agus modhalachd, neamhalachd agus cuidream, a’ cur maise do ghnà air do chòra. Biodh foighidn agus irisleachd, aon-fhilteachd agus treibh-dhireas a’ dealradh anns gach earrainn do d’ choluadar. Feuch gu dio-chuimhnich is gu toir thu maitheanas anns gach ea-coir, is gu diol thu maith arson an uilc, mar bu mhaith leat a bhi ’n aire’ cloinne DE. Bi ciuin agus seirceil ann a t achasan, agus cuir an dreach agus an seadh is fabharaiche ’s urrainn thu air giulan do bhraithrean. Bi mall gu gealladh ach cinnteach gu mionaid ann an coiliona. Leig le ciuineas agus neo-chionntachd, le suairceas agus le natur so-lubaidh agus saor [TD 240] o cheilg, do ghiulan a dheana taitneach do na h uile dhaoine. Thoir do d’ luchd daimh an gradh, an t urram, an dleasnas, an t seirc, a chaomhalachd agus an curam, a bhuineas doibh anns gach daimh fa leith fhaotainn. Se so do rireadh diadhachd. Tha mi sparragh oirbh uile ’n lathair an DE ’s ro-airde; nach bi aon air bith agaibh ri mionnan, no ri breugan, no spèiseil mu dhroch chuideachd, na fhear-fanaid, no mi-runach, no sanntach, no misgeach, no geocach, eas-ionraic na ghnothaiche, neo-ghlan na chaithe-beatha, a’ dusgadh ai’rèite, ri gaid, no cul-chàine, no ri an-cainnt agus trod; oir tha mi gar deana cinnteach o’n DIA bheo, gur leir-sgrios agus damnadh is crioch dhoibh so air fad, Seanr. xiii. 20. Sheum. v. 12. Taisb. xxi. 8. 1 Cor. vi. 9, 10. Gal. v. 19—21. 2. Nur teaghlaiche. Esan a chuir CRIOSD asuas na chridhe, cha dean e dearmad air a chur asuas na theaghlach cuideachd. Biodh gach aon teaghlach na theampul do DHIA, na cho-thional criosdui, 1 Cor. vi. 19. gach tigh na thigh urnaigh. Abra gach ceann teaghlaich mar thuirt Ioshua, “Bheir mis’ agus mo theaghlach seirbheis do ’n TIGH- [TD 241] EARNA,” caib. xxvi. 15. ’s cuireadh e roimhe le Daibhi’ gu gluais “e na fhardaich le cridhe fior-ghlan ceart,” Salm. ci. 2. Do thaobh so, leigibh dhomh a sparragh oirbh: Ann toiseach. Diadhachd a bhi nur teaghlaiche, cha’n ann mar leth-obair, (a ni sibh air ur socair nuair a bheir an saoghal agus ur gnothaiche cead duibh) ach mar obair shuidhicht’ agus shonraicht’ an teaghlaich. Na deanaibh dearmad air urnaigh ni ’s mo na air ur lòn air na traithibh suidhichte. Am bheil aon air bith do’r teaghlaiche nach faigh uine gu’m bia’ ghabhail? a dhuine thruaigh! nach co furas duit uin’ fhaotainn gu urnaigh, nam biodh tu co toileach? A ris, Socruichibh air ur cridhe gu bheil ur n anama fein air an ceangal asuas ann an anamaibh ur teaghlaich. Tha iad air an earbsa ribhsa, ’s ma bhios iad air an call le’r neo-churam, theid an iarruidh air ur lamhan. A dhaoine, mur ’eil fios agaibh air, mothaichi sibh fathasd, gu bheil curam anamanna na churam mor, is gu bheil fuil anamanna na throm-chionnta. O dhuine, ’m bheil iad so agad ri freagairt air an son, [TD 242] is nach ’eil thu toirt gach oidheirp air an sabhala, chum as nach faighear am fuil ann a d’ sgèith? Nach dean thu tuill’ arson nan anama nach basaich na ni thu arson nam brùide’ bas’or? Ciod tha thu deanadh arson do chloinne ’s do sheirbheiseach? tha thu toirt doibh bèidh agus dibhe iomchuidh air an natur; is nach ’eil thu deana so cuideachd arson t ainmhidhean? tha thu gan leigheas agus gan eiridin nuair a bhios iad tinn; agus nach ’eil thu ris so cuideachd arson do bhruidean?—Thugaibh mata gu sonraichte fainear. 1. Gu bi ’m focal gu soleimnt’ air a leughadh, agus sailm air an seinn nur n aora-teaghlaich, Eoin. v. 39. Salm cxviii. 15. Faic CRIOSD a’ seinn le theaghlach, eadhon le dheisciobuil, Mat. xxvi. 30. 2. Biodh gach aon nur teaghlaichibh air an gairm gu cunntas co teann, ciod a bhuil a tha iad a’ toirt as an fhocal a tha iad ag eisdeachd no a’ leugha, ’s a bhitheas iad mu ghnothach air bith leibh fein a dh’ earbas sibh riu. Is dleasnas ro fheumail so, agus meadhon araid a thoirt air gach neach f’ ur cùram buil mhaith a dheana do na chluinneas iad, agus a ghleidhe n an cuimhne. [TD 243] Faic eisempleir CHRIOSD a’ gairm a theaghlaich mar so gu cunntas, Mat. xvi. 11. 13, 15. 3. Gabhaibh cunntas tric do na h anama f’ ur curam mu thiomchiol an staid spioradail, (ann so feumai sibh bhi nur luchd leanmhuinn air CRIOSD, Mat. xiii. 10, 36, 51. Mar. iv. 10, 11.) rannsaichibh amach an cor, leigibh ris doibh gu tric an cionnta ’s an truaighe thaobh natuir agus am feum a th’ ac’ air iompacha ’s air ath-ghineamhuin a chum bhi air an sàbhala. Thugaibh rabha dhoibh le suim, mu thiomchiol am peacai, thugaibh misneach dhoibh anns gach toiseach leasachai, leanuibh iad gu durachdach, is na tugaibh fois doibh gu bràth gus am faic sibh atharracha slainteil air teachd orra. Is dleasnas ro-chuidreamach so, ach tha eagal orm gu bheil e gu ro-uabhasach air a leigeil air dearmad. Nach ’eil do choguis ag ràdh, “Is tus’ an duine?” 4. Thoir aire theann gu bi ’n t sàbaid air a naomhacha le d’ theaghlach gu h iomlan, Exod. xx. 10. Lebh. xxiii. 3. Tha ioma teaghlach bochd aig nach ’eil moran uine ri sheachnadh ach so. O builichibh ur sàbaidean ann saoithreacha co durachdach [TD 244] (a dh’ fhaotainn eolais, agus a thoirt seirbheis do’r Cruthai’ear) as a tha sibh a’ deana nur gnothaiche saoghalt’ air làithean eile, ’s cha’n ’eil eagal nach soirbhich leibh. 5. Gach aon là, moch agus an-moch, biodh urnaigh sholeimnte, mar iobairt mhaidne agus fheascair, air a cur suas anns gach aon do’r teaghlaichean, Salm xcii. 1, 2. Exod. xxx. 7, 8. Luc. i. 9, 10. Thugaibh aire nach faighear sibh ann àire’ nan teaghlaiche sin nach ’eil a’ gairm air DIA; oir c’ arson a bhios corruich DHIA air a dortadh air ur teaghlaichean-sa? Ier. x. 25. O theaghlaiche truagha, tha gun DIA san t saoghal, a tha gun aora nur tighibh! Am bheil coilion easbhui, coilion trocair agaibh, mar theaghlach; is nach bi urnaigh-teaghlaich agaibh cuideachd! Gun urnaigh teaghlaich, cionnus tha sibhsa “’g urnaigh leis gach gnè urnaigh agus ath-chuinge,” Eph. vi. 18.—Na h abair, “Cha’n ’eil ùin’ agam.” Ciod an leth-sgeul so! Nach ann a chum seirbheis a thoirt do DHIA ’s t anam a shabhaladh, a tha t uine gu h iomlan air a deonucha dhuit? Is gidheadh am bheil thu ’g rà nach ’eil ùin’ agad chuige so? Ma gheibh thu cridhe, cha’n ’eil curam [TD 245] nach faigh thu uine. Cum o d’ bhia’; no cum o d’ chadal i, mu ’m bi i uait arson na h oibre so—Na h abair, “Cha toir mo ghnothaiche cead dhomh:” cha’n ’eil gnothach air bith is mò na thu fein a shabhala, ’s na h anama sin a chaidh earbsa riut a thearna. Cha chall-gnothaich idir feithe’ ri urnaigh. ’S ann le urnaigh gheibh thu beannacha do ’n iomlan, Ier. xxix. 11, 12. 2 Sam. vii. 29. agus ciod is fiu do ghnothaiche mur toir DIA dhuit a bheannacha?—Na h abair, “Cha’n ’eil mi comasach:” builich an aon talanta ’s bheir DIA dhuit an tuille, Mat. xxv. 24, &c. Tha cuideacha agad ri fhaotainn gus am bi thu ni ’s comasaiche. No mar ’eil atharracha do sheol agad, is eigin duit dol maille ri d’ choimhearsnach is mò comas; thug DIA gealla sonraichte do urnaigh ann an co-chuideachd, Sheum. v. 4—12. Gniomh. xii. 5, 10, 12. 2 Cor. i. 11. air an aobhar sin is eigin duit na h uile co-throm a ghabhail air an dleasnas so a choiliona. 6. Cuiribh gach aon nur teaghlaichibh air urnaigh dheana ’n uaigneas. Bithibh furachair gu bheil iad ga thoirt so fainear. Ma bhios e feumail, faighibh dhoibh riaghailt [TD 246] g’an cuideacha gus ann urr’ iad deanadh as a h eugais. Seoluibh dhoibh cionnus a ni iad urnaigh, le bhi toirt fainear dhoibh am peacaidh, an uireas’uidh, agus an tiolacaidh; oir is iad so cungaidh na h uile urnaigh.—So a chleachduinn a bh’ aig Eoin, agus aig IOSA, Luc. xi. 1, &c. 7. Cuiribh asuas ceasnacha nur teaghlaichibh, air a chuid is lugha uair san t seachduin. Am bheil suim idir agaibh do iartas an Uile-chumhachdaich, sibh a “theagasg na nithe so gu curamach do’r cloinn, agus labhairt m’ an timchiol nuair a shuidheas sibh nur tighean?” Deut. vi. 6, &c. is ur “clann a thogail suas ann san t slighe san còir dhoibh gluasad?” Seanr. xxii. 6. An do chliudhaich DIA Abraham co mor, arson “a chlann is a theaghlach a theagasg,” Gen. xviii. 19. is a chionn gu raibh aige moran do “sheirbheisiche aig an raibh eolas,” (mar tha cuid ga eidir-theangacha) Gen. xiv. 14. ’s an d’ thug e dha gealla co mor air a shon so; ’s am bheil thusa gun toil pairt a bhi agad aon chuid sa chliu no sa ghealla? ’N do chuir CRIOSD onoir air ceasnacha le lathaireachd fein, Luc. ii. 46. is nach cuir thus’ ann suim e le bhi [TD 247] ga chleachduinn?—Na h abair “Tha iad neo-churamach, is cha’n ionnsuich iad:” c’arson a fhuair thus’ ughdarus ach a chum a ghnathachadh arson DIA agus leas an anama-san? Gairmi tu mach iad, is bheir thu orra t obair fein a dheana, ’s nach bu choir dhuit, air a chuid bu lugha, bhi co eùdmhor gu ’n cur ionnsuidh obair DHIA? Na h abair gu bheil iad “dall agus neo-chomasach:” Ma tha iad dùr no dall, tha DIA ’g iarruidh ort an tuille curam agus foighidin a ghnathacha leo: ach dùr agus dall mar tha iad, bheir thu orr’ ionnsacha cionnus a ni iad obair; agus nach feud thu ionnsacha dhoibh cuideachd cionnus a ni iad urnaigh? Am bheil iad comasach air eolas a ghabhail air ceaird, is nach ’eil iad comasach air eolas a ghabhail air cinn shoilleir a chreideimh? Uime sin mata, ma bu mhaith leibh gu faice’ sibh am feasd diadhachd a’ fàs, ain-eolas air a leigheas, aingidheachd air a cosgadh, agus mearachd air a chur air falbh, coilionaibh m’ aoibhneas-sa, ann an gnathachadh an dleasnais so. Am freagair sibh gach gairm a tha sibh a’ faotainn o fhreasdal DE? Am b’ aill leibh na trioblaidean tha oirbh a chui’teacha, no [TD 248] na trioblaidean tha dlù dhuibh a philleadh? Am b’ aill leibh geugan a phlanndachadh arson eaglais DE? Am b’ aill leibh gu toga DIA suas ur tighean, agus gu beannuicheadh e ur maoin? Am b’ aill leibh gu tugadh ur clann am beannachd oirbh? Am b’ aill leibh gu cò’laiche’ sibh ur clann, ur seirbheisich, ur luchd-teagaisg agus ur TIGHEARNA gun eagal, nuair a sheasas sinn uil’ aig cathair a bhreitheanuis? O mata cuiribh urnaigh suas nur teaghlaichibh agus urram DHIA nur tighibh, ma bu mhaith leibh gu bràth a bhi beannuichte, no bhi nur beannacha, Biodh ur cridheachan agus ur teaghlaichean nan teampuil do’n DIA bheo, anns am faigh e (reir nan seolaidh a chaidh thoirt seachad) aora gu coiliont’ agus gu h uramach. Seanr. xxix. 1. “An ti gheibh achasan minic, is a chruaidhicheas a mhuineal, theid esan a sgrios gu h obann agus gun tearna.” O bithibh glic ri tìm, a chum as nach bi sibh truagh fad siorruitheachd! CRIOCH.