[TD 1] LAOIDHEAN SPIORADAIL, LE DOMHNULL MATHANACH, DUINE URRAMACH DIADHAIDH, A BHA ANN AN SGIRE CHIL-DONNAIN, AN CATAOBH. Bi’dh air ’n fhìrean cuimhne shìorruidh. Iomradh chubhr cha d’theid air di-chuimhn’. Air dh’a bhi marbh (ach beo ’n Criosda). Le meas ghaoil tha e labh’rt risd ruinn. AN DARA CLODH-BHUALADH, ATH-LEASAICHTE AGUS MEUDAICHTE. BAL-DHUTHAIS: Clodh-bhuailte le Coinneach Dughlas agus a Chuideachd. 1825. [TD 2] [Blank] [TD 3] ADVERTISEMENT. THE Author of the following Pieces was a native of Sutherland-shire, and resided from his youth in the heights of the Parish of Kildonan. He was born in 1719, and died January, 1782. Though destitute of the advantages of education, he was one of the most celebrated Christians in that, or perhaps any other country. He possessed a clear and comprehensive view of Divine truths; and discovered (what, alas! is more rarely to be met with) a deep and practical experience of its power on the heart and life. His memory to this day in that country is much and justly revered, and will be long embalmed in the hearts of many who knew and could appreciate his worth. It will be seen from the following Pieces, that he was also a Christian Poet, and that in no ordinary degree. They were composed on different occasions; and most of them relate to occurrences in the ways of Providence respecting himself, of which he was not an inattentive observer. They may nevertheless be useful to others, and especially to serious and exercised Christians. It is with this intention, and at the importunity of friends who reckoned them worthy of being preserved, and more generally spread, that they are now published. The Work necessarily labours under the disadvantages of a posthumous one; and the dialect in which it is written, but which it was not thought proper to alter, may not be quite intelligible to those in the more Southern Districts of the Highlands. It is hoped, nevertheless, that its circulation may be attended with no small degree of usefulness; and, under this impression, we most cordially give the Publication our humble sanction. JOHN MACDONALD. JOHN KENNEDY. [TD 4] AN CLAR-INNSIDH. [TD 5] LAOIDHEAN SPIORADAIL. I.—Oran a rinn e ’n uair a bha nithe an t-saoghal so ’ga thréigeadh. ’S MITHICH dhomhs’a bhi tuirsgeadh,* ’San dus a’ triall m’ fhàgail, Is m’ aghaidh chuir romhan, Ann an gnothaich mo thearnadh; Ach dar sheallas mi stigh, Air seana-chridh’ cheud Adhamh, ’S mòr th’orm do leth-ghrabhadh, Thug ur-chadal a bhàis orm. Le cridhe gun chreidimh, Làn aidich gun ghràsan, A ghabhadh le faileas, Mar dhearbhachd air tearnadh; Cridhe a tha feòlmhor, ’S leis nach deoin dhol dachaidh, ’S tha sealltuinn ri saoghal, Mar iodhal le tlachd ann. Ach dar ’bheireas am bàs orm, ’S nach fhàr mi dhul as uaith, Bu mhaith an uair sin na Chriosd e, Gu m’ dhiòn bho do cheartas. Och is ochan mar tha mi! ’S mi ’san fhasaich an cunnart, Agus Iordan a bhàis Na chuan bàthaidh tha cumant.† Mur fhaigh mi ’n caochladh glòrmhor, Air an fheòil a tha malluicht’, Agus cobhair na Trìonaid, Do m’ dhìon bho gach cunnart; * Preparing for a journey. † Common. [TD 6] Cha ruig mi leas bhi ’g innseadh Ciod a dh’ iomrainn gu tearnadh; Cha dean ni’s lugh’ no Criosd e, An Iobart tha làidir: A fhuair buaidh air an t-saoghal, Air daoine ’s air Sàtain, ’Sa dh’ fhosgail geatacha’ Shioin Do gach neach a chaidh thearnadh. Bheiream comhairl’ oirbh ’bhràithrean, Na’m b’àill leibh ’bhi beò, Gun sibh d’ur milleadh le saoghal, ’Tha ’caochladh mar cheò. Nach ’eil sibh ’faicinn na daoine Th’ air leaghadh sìos leis mar ròin,* A chuir an cul’aobh ri Criosd leis, ’Sa leig dhiubh a bhi beò: ’S mòr mo thruas ris gach duine ’Tha ’n taobh muigh do ’n Fhear-thearnaidh, ’S tha fathast na strains’ear† Do mhac cinnteach Israeil. ’S mi-chinnteach an oighreachd, ’S cha ’n fhoighnich mi a h-àireamh, Cha ’n ’eil i ac’ ach air earball, Dar dheargas am bàs orr’; Dar dheargas am bàs orm, ’S nach fhar mi dul as uaith; Dar dhiùltas na glùinean, ’Sam beul nach dean labhairt: ’Sa chluais nach dean clàisdean, ’San t-sùil nach dean faicinn; Tha so ’gam agair ni’s tric’ gu ùrnuigh, Mo thìm a bhi ’caitheamh; ’Sam bàs a’ tighinn dlùth dhomh, Nach gabh diùltadh dar thig e, Le comhairl’ mo chàirdean, Le ràthan no bileach.§ Ach dar gheibh am bàs so comas, A Sion bho ’n Tighearna, * A sea animal. † Or, coigreach. § Bills. [TD 7] Thig e-san mar Earraid Le cabhaig do m’ iarraidh: Ach cionnus dh’ fheudainns’ bhi beò Mar biodh Stòras an Athair, A thug Criosd na Glòire, Mar lòn dhomh ri chaitheamh. Ach dar sheallas mi ’sìosa, Orm fhein a chlùit* shalach, Cuiridh sud mi gu h-ìosal A sios aig do chathair; Aig cathair do thròcair, Tha sòlas ri fhaighinn, Na ’s mò na saoghal, Ged dh’fhaodt’ a ghleidheadh. Tha ’n Spiorad Naomh ann, ’S e mar Shaor† a sior shnaidheadh; Dheanadh Creidmhach a cealgair, As an earbainnse m’anam: Dh’earbainn ann m’anam, Is dheanainn deth bràthair, Le gaol ni bu doimhne Na gheibheadh aon mhac mo mhàthair. ’S ma ’s e ’s nach bitheadh e, Ach na dhuine ’thaobh nàduir, ’S goirid a leanadh e mise, Tre mheadhon mo nàimhdean; Far am bheil naomhachd, Tha mìneachd is irisleachd; Tha saorsinn is càirdeas Anns gach cearnaidh ri shireadh: ’N tra dh’eir’eas a Ghrian orr’ A nios gu suilleach, Gheibhear iadsan an tra sin Mar aon āl ann do bhroilleach: Is e so am bainne, Tha fallain gu àrach, ’S anns nach ’eil a chrodhaich,§ Ged a tha ’ar ’ga àicheadh. * A clout. † Carpenter. § Something that adulterates the milk. [TD 8] ’Se gliocas na nathrach, Agus puision* an t-Satain, Dh’fhag mis’ cho an-toileach Air an talamh so fhagail: Ach na ’n tigeadh ’n geur-leanmhuinn Sin dar dh’ aithnicht’ na bràithrean: Oir theidheadh iad cuideachd Mar chaoraich do ’n fhàsaich ’S ged sgapaidhte bho chéile Cha ’n eugadh an cairdeas, ’S cha sguireadh iad a dh’ùrnuigh Ged a bhùitichte bās orr’; Ged bhuitichte bās orr’, Bha lorg Dhaibhidh ’gan cobhair, Dheanadh an cumail a ’n aird, ’N uair b’ aird na tonnan. A bheireadh a null iad air Iordan, Gun am brògan a bhogadh, A stigh air geata’ na gloire, Sud an ceòl ac’ gun obadh; Tha ’n ceòl ac’ gun obadh, Is aobhar ogan gu brach e, Do chlann na h-ath-bhreith, Oir gheibh iad an sāth dheth. Ach ma shiubhlas iad mi-cheart, Cha chaomhainn e stracain;† Cha toir e buill dhoibh diomhan, Ach d’ an dion o ’n t-Satain. Nach truagh leatsa daoine, Tha gun naomhachd gun ghrasan, Gun dearbhachd o ’n fhìrinn, Air cinnteachas tearnaidh. Tha ’n creach air an cul’aobh, Tha ’n sùilean air iadhadh, Tha ’n cridhe na shuidhe, Air nithe di-buan ri ’n iarruidh, Nach cruaidh leat cuid do luchd-comuin, Gun sùgh ach alladh§ ghrasan, * Poison. † Stripes. § Cliù. [TD 9] A tha nan luidh’ ann am muineas† Fo dhalladh aig Satan. A thilg thairis an fhìrinn, A tha ’g innseadh mar ’tha iad, ’S nach téid anam gun naomhachd A chaoidhch’ steach do Phārras. Ach na ’n chleachda sibh dìcheall, ’Sa chealgaireachd aicheadh, A dheanamh fathasd ’n ’ur naoimh sibh, ’S ’n ur luchd-aon-tigh air fhārdaich. Na smuainichidh a chairdean, Nach bu chradh leam ’ur dìobhall Dar thig laithean an fhoghair, Is tìm taghaidh nan diasan, Dar thig laithean an fhoghair, Is tìm taghaidh nan diasan, Gach neach gheibhear gun ghrasan, Gheibh a Satan a sios iad. Ach cha ’n urra’ mi innseadh Gach ni tha na chradh dhomh, Mheud ’sa tha mi a’ faicinn Do mhi-chleachdadh air t-fhabhar, ’N deigh daoine bhi tainneadh, ’San t-aran air aicheadh, Tha iad a rithist air tionnda’ Gu cleamhnas ri ’n abhaist. Gu cleamhnas ri ’n abhaist, ’S cùis chraidh bhi ’g am faicinn, Le ith agus le ōl, Le an-steòrnadh ’s mi-chleachdamh; Cuid eile cho chrion diubh ’Deanamh dia agus taic dheth; ’S mur caochail sibh abhaist, Bithidh ’m bās na chùis ghrabh dhuibh. * Sloth. [TD 10] II.—A’ tagair gu ’m bitheadh an Tighearn na dhìdean dh’a ann an cruaidh-chàs, agus air stiùir anam a’ dol tre an t-saoghal. OCH a ghaoil! bi air mo stiùir, Oir ’s iomadh sùil tha ’g amharc orm;* freumh an uilc nach deach a bhuain Mar eunlaith luath a’ cruinneachadh: Dar dh’éireas iad-san a suas, Bitheadh do lāmhs’ gu luath ’san eadargain; ’S bitheadh naomhachd ’gabhail buaidh ’Measg an t-sluaigh gu maireannach. ’S far na thog thu clach is ùir, Cha dùchas leat bhi dealachdain: Is da olc ’s gu ’m bi do chlann, Tionndaidh tu dhachaidh iad; ’N uair a bhitheas an raidean cām, Cha chaomhainn thu an ceasnachadh, ’N uair a bhitheas an cridhe teann, Labhraidh tu ri ’m faireachdain. Ach, O! gabh truas ri talamh bān, Tha fathast slan gun charachadh; Is cuir-sa sìol air bharr nam beann, Oir gheall thu ann a t-fhacal e: Is da olc ’sa gu ’m bi an grùnd,† Bithidh sguaban tròm tigh’n dhachaidh dheth, Dar bheir an aimsir toradh tròm, Gun duille chall no dhealachdain. Is tu mo ghaol, is tu mo ghradh, Na ’n t-òr is fearr ri fhaighinn thu, Nach bi air do thionnda’ gu cradh, ’S nach urra ’m bas do dhealachadh: * In this Song, every four lines form a stanza; each two lines to be twice repeated (which make eight), and that in the following manner, viz.:—The third and fourth to be repeated also as the fifth and sixth, and the sixth and the seventh begin the next stanza. † Ground. [TD 11] Oh! nach fuiling sibh dhomh ’radh, Gu ’m b’aluinn peighinn sporan* dheth, Ach ’sann a tha mo thruas gu brach Ris a phairt ud nach d’fhoirich e: Ach cha ’n ’eil leigheas air an cās, A ’s fearr na bhi feitheamh ris; Oir iads’ a leanas chum na crìch, Bithidh an sith-sa maireannach: Deasaichidh ’se ’n crùn air an ceann, ’Se so mo chlann ’s cha ’n eagail doibh, Ach ’se tha ’n diugh na chùis bhròin, Laghad beò is faireachdain: ’S cha ’n ’eil neach ann ’n staid nan gràs, Nach ’eil a cradh a ghearan so, O, nach ann bhitheadh fhios agam c’ait bheil smùd, ’Sa chuilc bhrùite ri fhoireachdain: Ach am pàrtaichinn mo ghaol, ’S gu cleachdainn saorsa m’ fhoireacdan, Gheibheadh sinn beath na naoimh, ’S thigeadh sinn gu fearrachas:† Anns an tìm an d’thigeadh chrioch, Bhitheadh i na beannachd dhuinn; Gheibheadh sinn n-ar di-sairse’§ Bho chorp a bhàis ’san dealachdan: ’S gu ’m b’e sud an aobhar chiùil Ri lath’ ceò mar th’againn so, Bhi ’dol a stigh do thìr Chanaain, Do ghabhail làn gun dealachdan: An fhearainn nach d’théid an daors’, Is air nach caochail maighstir; ’S gach neach a thàras a dhol ann, A choidhch cha ’n fhaicear ainnis orr’: Ach bithidh aca-san r’a radh, Gur bochd a bha sinn ’roimhe so. O! am feud sud a bhi gun ghaol Do ’n Trionaid uile-chumhachdach: Allusion to pocket-money. † Social intercourse. § Discharge. [TD 12] Do ’n Fhear-shaoraidh is mò glòir, A bha ’san fheòil ga fulachd ann; ’S do Athair nan uile ghràs, Rinn an t-slàint so ullachadh. III.—Oran a rinn e ann am Muilean, a’ faicinn an uisge a’ tighinn air, agus anam féin tioram, mar lomradh Ghideon. Mo thruaighe léir! mo thruaighe léir! Mo thruaigh’ léir! mar ’tha mi! Tha mo lomradh uile tioram, ’S coslach mis’ ri fàsaich: Ma labhras mi air cruas cridhe, ’S daighean streangan* Shatain; Ma labhras mi mu inntinn dhorch, Tha i doilbh ri rèiteach: Mo thruaighe leir! mo thruaighe leir! Mo thruaigh’ leir! mar tha mi! Tha mo lomradh uile tioram, ’S coslach mis’ ri fàsaich: Ma labhras mi mu pheacadh ’n t-sannt’ ’Se ceud-ghinn clann an t-Satain, ’S ma labhras mi air anam marbh, ’S dlùth do dhorsa’ bāis e: Mo thruaighe leir! mo thruaighe leir! Mo thruaigh’ leir! mar tha mi! Tha mo lomradh uile tioram, ’S coslach mis’ ri fàsaich: Ma labhras mi mu thoil tha truaillidh, ’S gruaimeach mi ri m’ fhagail; ’S ma labhras mi mu ’n eas-chreidimh, ’S leibideach a phlaigh e. Mo thruaighe leir! mo thruaighe leir! Mo thruaigh’ leir! mar tha mi! * Strings or cords. [TD 13] Tha mo lomradh uile tioram, ’S coslach mis’ ri fasaich: Ach na ’m faicinn buidh’n eile ’sileadh Bhithinn-sa ni b’ fhearr dheth; ’S cha chreidinn nach fhaighinn mo shlaint Na ’m bitheadh rān* ’san fhasaich. Mo thruaighe leir! mo thruaigh leir! Mo thruaigh’ leir mar tha mi! Tha mo lomradh uile tioram, ’S coslach mis’ ri fasaich: Ach ’se th’air mo tholladh easbhuidh comuinn, ’S mi fo alladh crabhaidh; ’S cha ’n ’eil e air an taobhs’ do ghlòir Na ni mo leòn-sa charadh: Ach tha mis’ feitheamh air an uisg’ Mar thalamh tioram Ahaib, ’S dar a ni Elijah ùrnuigh, Theid mo chùis-sa rèiteach; Thig na frasan air a ghrund, ’S bi’dh meas an fhuinn ni’s fearr dheth, ’S gheibh mis’ ol’ a theid mo làmp Na ’m boil le ceann an t-Satain. ’S gheibh mise’ ol’ a theid mo làmp Na ’m boil le ceann an t-Satain; Oir a tha m’ Fhear-saoraidh beò, ’Se sud mo ghlòir ’s mo ghaird’chas: M’ Athair muileach, m’ Athair muileach, M’ Athair muileach glormhor’, Bhi ’smuaineachadh air meud do ghibht ’S mor ri mheas do throcair. Bhi ’smuaineachadh air meud do ghibht ’S mor ri mheas do throcair; ’Se th’air mo phian’ meud mo chrionadh, ’S mi ’san fhìonan ghlormhor; ’Se th’air mo phian’ meud mo chrionadh, ’S mi ’san fhìonan glormhor, Ach dar thig an dealt bi’dh figis pailt, Is falbhaidh ’n tìd† reothts’ uainn’. * Cry or weeping. † Season. [TD 14] Ach dar thig an dealt bi’dh figis pailt, Is falbhaidh ’n tìd reothts’ uainn’. Ged ’eil mis’ fuar, tha d’ghealladhs’ buan, Ge fhaigh mi suain de ’n traigh so: Dar thig an tuil bi’dh ’n airc sa mhuir, ’S bi’dh na sionnaich air ’m bāth’dh, Theid Noah ’steach, E-fein ’sa shliochd, ’S cha d’theid a h-aon diubh fhagail. IV.—Oran a rinn e aig àm an d’robh e ann an tinneas mòr. CIA b’e shireadh a lath’r-san, Bu chomunn e nach failingeadh, ’Se nach deanamh m’aicheadh Dar bhithinn ’sās am fheum; Oir tha chairdeas maireannach, Is iom’dh ni a’ leantuinn air, ’S mairg ris nach canadh tu, O is leanabh dhomh thu fein! Oir tha thu stōrasach,* ’S prothaiteach a’ t-orduighean, ’S bithidh t-fhirinns’ a’ seolladh, Gach neach d’ an eòl thu fein; Nam b’aill leat bhi urramach, ’S do chairdean bhi maireannach, Feuch g’an sir thu cleamhnas Ri teaghlach uasal ard. ’S ma ’s maith leat cinneanta’ i, Bitheadh smior na h-uile fin’ innt’, Is dar ni e ’n cruinneachadh, Is cionald air a threud; Is na ni e fhagail Ged bhiodh ann do chairdean, Cha ’n fharmad leam an abhaist, Is aobhar craidh iad féin. *Wealthy. [TD 15] Oir bha peacadh dualach dhoibh, Bithidh ifrinn ac’ na tuarasdal; ’S bithidh ceann an fhuathais, A’ riaghladh orr’ gu sior. Ach Médail an t-Oighr’ uasal Bha ’sa bhitheas buadhach, ’S gach neach bheir gradh d’a thuairsgeil, Bithidh thuarasdal d’a réir. Oir tha E uile grasmhor, Is cuimhneach air a chairdean, ’S fhad ’sa mhaireas dh’a-san Cha ’n fhaic e iads’ a’m feum, Ged bhitheadh iad gun aodach, Gun olainn air no caoraich, Gun arbhar anns na raonta’ Am feasd cha dìbir e-sa. Ged thiormaicheadh an teudan, Bithidh é-s’ mar dhealt ’sa cheitean,* Is bheir e fas d’an geugan, ’S cha ghabh e éis dheth miann: Dar sheallas e le ’shùilean Air sionnaich bheag na’ cùilean Tuitidh iad gu ’n glùinean, ’Se sud an lùths’ a chrion. Ach ’se mo ghradhsa fìonain Do nach dual bhi crionadh, ’S air nach dearg na sianntan, Gu milleadh sìol ’sa ghrund. Na’n suidhicht’ ann na geugan, ’S criona a tha fo ghrèin, Dh’ fhasadh iad mar Shèdar ’S mar Lebanon nan crann. Oir thionndadh chraobh-fhìon iad, Gu ’naduir fèin gu sgiamhach, Agus chidht’ orr’ fìogais, ’Bha air crionadh anns a ghleann, Bha roimh’ so ’san fhasach, Nan cnamhan tioram fasail, * A season in the month of May, so called. [TD 16] ’S dar shìn è-s’ ri ’n aiteach, Gu brach cha ’n iad a bh’ ann. Oir fasaidh iad gu h-uallach, Mar chraobhan phailm buadhach; Bhi’dh fìg’s ’n ait a chluaran, ’S an t-uan an ait a mheinn: Ach b’e so na laith’ bronach, Le aideachadh is eòlas, ’Smuaineachadh gur beò iad, ’N uair nach eòl dhoibh ’m bas. Cha’n fheud meas na’ naomhachd ’Bhi air mnathan no air daoine, Dh’ easbhuidh ath-bhreith fhìrinneach, Air inndreachdan tre ghras, O! nach d’thoir iad gaol duit Ris na chleachd thu saorsain, ’Sa bhuannaich thu le naomhachd, Bho dhaors’ an dara bas. Na ’m bi’dh cuimhn’ air cairdeas, Is taisbeanadh do ghraidh-san, Cha bu sheirbhis bhealach A bheireadh iad-san dhuit; Ach umhladh le dìcheall, An spiorad is am fìrinn Ath-bheothaich sinn le naomhachd, ’Se sin dar ni sinn leat. V.—Tuiteam an duine bho Dhia: tearnadh tre Chriosd—Di-chuimhne Dhaoine air maitheas an Tighearn—agus an dimeas air an ath-bhreith. AR sinnseara bho thùs, Dar chaill iad an lùths, Mhill iad an cùis air sùsdan* àl. Tha ’n truailleadh so lionmhor, * Thousand. [TD 17] Dh’ fhag mis anns an fhìonain Mar chraobh th’ air criona’ gun fhig’s gun bhlàth. Ach moladh do ’n Trionaid, Ghlormhoire, sgiamhach, A phlanntaig dhuinn fìonain tre lionmhorachd gràis, Is fearr na lios Edein, Gus an d’ thainig a bhèist* ud Le meas na geug agus breug ann a beùl. ’N sin dh’ fhàs peaca’ ro lìonmhor, Tha dhomhsa na phiana’, Dh’ fhag mis’ cho mi-sgiamach, ’m fianuis mo ghràidh. Ach meudal an t-Adhamh, Nach meallor ’sa ghara’ Chuir cath air an t-Satan ’san fhàsaich mar tha. Cha chualas riamh Righ, Chuir cath ré a lìnn, Gun duine ’bhi ann ach e-féin; ’S ged dh’ fhuiling e ’m bàs, Gu ’n d’ bhuannaich e ’m blàr, Le ais-eirigh àluinn, a dheigh. ’S dar dh’eirich e suas, Gu ’n d’ choisinn, e duais, Ni beartach a shluagh gu léir, Tha ’n airgiod ’s cha ’n òr, A dh’ fhalbhas mar cheò, Ach gràsan, is gloir na dheigh. Ach gheibh iad faraon, Uaithe ann an tìm, Uiread ’sa chi e orra feum, ’S cor am faigh iad na ’s àill, Dh’earbainn-s’ gu ’m b’fhearr Fhàgail gu àilgheas féin. Tra chunnaic e ’n tùs, Mar a chluich iad an cùrs’, Dar thug e dhoibh dùn gun fheum, Rinn cumiachd bhò† Dheth meallan de ’n òr, A tabhairt dha glòir gun chéill. * Alluding to the Tempter in the shape of a serpent. † The Golden Calf. [TD 18] Gun sealltuinn a suas Ri Athair na truais, ’Sgoilt dhoibh an cuan ’nam feum, Thug iadsan a null Air muir is air tuinn, ’S chuir Pharaoh an grund gu leir. Tha e-sa ’sa shluagh ’Nan luidh anns a chuan, ’S cha ’n fhacas an gluasad a dheigh: Ach shaoilinns’ gu ’m buair’ A thainig air sluagh, Dhi-chuimhnich cho luath dhoibh ’m féum. Ach thugamaid glòir Do Athair nam beò, ’Dhéilig* cho tròcaireach riu; Thug aithne do Mhaois, G’ an gabhadh e ’n laogh, ’S g’an ruithead e ris air uisg. G’an deanadh iad òl, ’S gu’m faicid le bròn, Gur dus agus ceò ’bha ’n sud. Ach tha ’n ath-bhreith an tràths’ Air a meas anns an àls’, Gu ’m foghain blàth airson meas; Ach ’s grabhail am bàs Do dh’ easbhuidh a ghràs, Bithidh esan na phlaigh a ni sgrios. Ach pilleams’ a rithist Do m’ ionnsuidh fhéin, D’an dùchas bhi crion air bheag meas; ’S mar biodh gur buadhach Do thruas is do ghras, Bhithinns’ air m’ fhagail ris. VI.—Oran air Glòir agus buaidh na h-Eiric a phaigh Criosd airson nan daoine taghte. ATHAIR na glòire Tha do thròcair do-aireamh, * Dealt. [TD 19] ’S tha ’n ath-bhreith na daighneachd Air an oighreachd a ’s airde, Air a sgriobhadh le Daimon, Is fuil an Oighre, na h-earlas; ’S ann air a chrann-cheus’ Chaidh ’n eiric a phaigheadh. ’S ann air a chrann cheus’ Chaidh ’n eiric a phaigheadh, ’S ann tre thoradh na fola Fhuair thu rathad gu tearnadh, ’S nam boil le innleachd an deamhuin. Thùg e mach a Dhi-sairsc’* Leis an ais-eirigh ghlòrmhor, ’S mòr a ceòl do na cairdean. Leis an ais-eirigh ghlòrmhor, ’S mor a ceòl do na cairdean, ’S i siach-inntinn an Athair i, ’S i taitneas nan naoimh i: ’S i criòchan an lagh, ’S i seadh na h-uile ìobairt; ’S mairg tha gun fhìor-ghras, Dheanamh sta dheth Fear-saoraidh. ’S ann tha a mi-shealbh† siorruidh Air daoine fiadhaich gun ghrasan, Th’air an sìtheachadh le nadur, Bheir amhan iad gu Satan; Ri smuaineachadh air nadur, ’S cùis chraidh bhi ’ga innseadh, Cha chreid e gu tearnadh, ’S cha ’n ’eil sgath air roimh dhiteadh. ’S mairg tha gun fhìor-ghras Dheanamh sta dheth Fear-saoraidh, Bheireadh null sinn air Iordan Gu tir ghlormhor na saorsainn, Far nach ’eil cìs do Chesair, No luchd-èigin ri fhaotuinn, Ach far am meal iad a lathair ’S a chairdeas gun chaochladh. * Discharge. † Misfortune. [TD 20] ’S e chuir am battal is buadhaich Bha riamh anns an t-saogal, O’n t-seathadh uaire, gus An d’ rainig e naoi dhiubh, Cha d’ robh aige fear fuaraidh, ’S e a chruadal thug saorsainn; ’S mairg tha gun fhìor-ghras, Dheanamh sta dheth Fear-saoraidh. Cia b’ e aig am bheil cuingeanan glan Gu aithneachdan naomhachd, ’S eigin dha-s’ bhi craiteach Airson fasuidheachd dhaoine, ’S eigin dha-s’ bhi craiteach Airson fasuidheachd dhaoine, ’S mairg tha gun fhìor-ghras, Dheanamh sta dheth Fear-saoraidh. Oh! nach dean iad do mholadh, ’Mach a fineach’ na talmhuinn, Aig am bheil fuil a chrathaidh Air posta an anama; ’S gach neach gheibhear d’a h-easbhuidh, Mar threabhar air gainmheach, A leagas na stoirmean D’ar dh’fhalbhas a Chaingis.* Bheirinn mo chomhairle Do gach neach tha ’san t-saoghal, Iad do shireadh le ùrnuigh, ’San sùil ri Fear-saoraidh, Ag iarruidh an Lighiche, Fhad ’sa tha e ri fhaotuinn, ’S mairg tha gun fhìor-ghràs, Dheanamh sta dheth Fear-saoraidh. Oir tha ’n tìm air a caitheamh ’S tha ’n aoise mi-chinnteach, Agus aignidhean lìonmhor, Cho fuar ris na faolaich;† ’S còmhradh cho folaimh, Dh’ easbhuidh salluinn na naomhachd: ’S mairg tha gun fhìor-ghràs, Dheanamh stà dheth Fear-saoraidh. * Whitsunday. † Faoilteach. [TD 21] Oir tha ’n tìm air a caitheamh, ’Sa ’n aoise cho mi-chinnteach, ’S ma theid i uile seachad, ’S beag taitneas gach ni dhuinn, ’S ùrnuighean lìonmhor, Gun sgiamh annt’, gun fhìrinn; ’S mairg tha gun fhior-ghràs, Dheanamh stà dheth Fear-saoraidh. Ach ’s tu an toiseach, ’s tu ’n deireadh, ’S tu ’n Alpha ’s Omega, ’S bithidh mi-shealbh siorruidh Air gach sluagh ’ni do thréigeadh. Ach ’s tu an toiseach, ’s tu ’n deireadh, ’S tu ’n Alpha ’s Omega, ’S bithidh mi-shealbh siorruidh Air gach shluagh ’ni do thréigeadh. II.—Gu bheil gach duine tha air ath-bhreith gun aobhar ghearain. NA bitheadh duine de ’n bharail Gu bheil e son’ anns an t-saoghal, Tha na choigreach do ’n ath-bhreith, ’S tha folamh de naomhachd. Na bitheadh duine ’gearan, Air cruaidh-chàsan tìmeil, Fhuair greim air an ath-bhreith, ’Sa tha sealbhachadh naomhachd. ’S nàr’ ’s nàire ri chlàistin, Leanabh ghras’ a bhi ’gearan, Tha ’sealbhachadh naomhachd, ’S tha cinnteach a ath-bhreith; Oir cha ’n ’eil staid nan Righrean Ach mar chruinn-leum na crealaig, ’N lā is teithe ’san t-samhradh, Sud an geamhradh ’ga caitheamh. Ach cha bu mhaith leam mo bhraithrean Fhagail cho chumhang [TD 22] Ri creidimh na dearbhachd, ’S fhuair sealbh ann a fhulang; Cha ’n ionann Glòir agus tìm, Cha ’n ionann daoin’ agus Dia, Cha ’n ionann gaol re fad lā Agus gaol a mhaireas gu sìor’. Oir tha gach comunn crìochnaichte ’Crìonadh aig a bhās, Dar tha gaol nan naoimh a’ tòiseachadh D’ an dualachas ’bhi fàs, Tha ’n gaol sin gu nadurach Ag éiridh ’nàird bho ghràs, ’S bho ghin na h-ath-bhreith fhirinnich, Le Spiorad Naomh nan gràs. M’ulaidh is m’ aighear, M’aighear ’s mo ghradh thu, Co ris an sìneadh tu Nach d’thugadh tu gu gradhan,* Ged bhitheadh ann Légion De dh’armailt an t-Satain, Chuireadh tu ’s na mùcan iad, ’S do Ifrinn, na ’m b’ aill leat. Ach ’se th’air mo sgaradh An talamh ’bhi na fhasaich, Na naoimh air ’n toirt dhachaidh, Is beag a’ tighinn ’nan àit-san; Ach nan tòisicheadh tus’ ri oibir, Sgiobalt theidheadh ceann oirr’, Bheireadh tu fàs air a chruithneachd, ’S mharbhadh tu an t-an-lus. Ach tha breitheanais nan Iùdhaich Air tighinn dlùth dhuinn ’san àm so, An soisgeul bhi gun chumhachd, ’San ath-bhreith ’bhi gann ann; An soisgeul bhi gun chumhachd, ’San ath-bhreith bhi gann ann; ’S mar dean thus’ ar pilleadh Theid ar milleadh ’sa gheamhradh. * Gu feum, no bleadh. [TD 23] M’ulaidh is m’aighear, M’aighear agus méudal,* ’S tu thiorc Ninebheh, Dar bha i air a treigeadh; Chual thu a sgread Is fhreagair thu an éigh’, ’S rinn thu an teagasg Le eagal is beag foghlum. Cha ’n ionann sin is sinne, Bha thu ’teagasg iomadh bliadhn’; ’S dar thainig thus’ ’dh’iarraidh meas oirnn’, ’Se fhuair thu dearcan fiadhaich. ’S ged thoill sinn gu bràch T-fhabhair d’ar treigeadh, Se sealladh de Immanuel ’Shlanuicheadh gu leir sinn. III.—Oran a rinn e aig am an d’robh e gun lathraich, agus cuid de luchd-eòlas, gun a bhi a’ breithnachadh maitheas an Tighearn dh’a, a’ meas gu ’n d’robh a chor a nis ro-iosal. Fhuair e an sin, cosmhuil ri Iob, tuille is a dha uiread ’sa chaill e. THA luchd faicinn is eòlais Faicinn leòn anns mo chrann-chur, Ach tha mis’ mar Eithear† a’ seòladh, ’S mhuir fuidh ’ga h-iomchain; Oir is maith do ghrasan Gu àrach an anamain, ’Se bann§ is cinntich’ a aran Na ’n talamh ri leanmhuinn. ’Se bann is cinntich’ a aran Na ’n talamh ri leanmhuinn; Ged ’eil iomradh ’am barail Mi ’bhi folamh gun earbs’, ’Se ’m Bìobal mo bharrant, ’S cha ’n eagal gur gann domh, * Expression of strong affection. † A Boat. § Bond. [TD 24] Is bithidh mi beò air an toradh As deigh do ’n fhaileas so tionnda’. Cha ’n e dìth ’s nach ’eil stòras Gu leòir aig an Athair, Ach dìth ’s nach fhuilings’ fhaotainn, Ach lòn tìde r’a chaithe’. Dar bha Israel ’san fhasaich ’Ga àrach le manna, Cha d’robh cead a chuir cruinn ac’ Ach na dh’imridht’ gu chaithe’. Ach ’s cumhang goirid a bharail Th’aig daoine folamh gun ghrasa’, Air freasdal an Athair, Fhuair iomadh rathad gu tearna’; B’fhearr na nithe so fhoineachd Ri Elijah am Fàidh, Dar bha e anns a charaig, Gun dad ann a lathair: Chuir e fitheach do ionnsuidh Le meildidh* ’gu thearnadh; Le meildidh gu ’thearnadh, Mus fhaillinneadh aran; ’S ged lobhadh na raointe, ’S gun bheathach ni bhi ’san talamh, Gheibheadh do phobulls an arach As deigh do chach bhi folamh. As deigh do chach a bhi folamh Tha ’m beath falaichte an Criosd ac’; ’S ann dheth feartain na fola Fhuair’ iomadh rathad gu dìon doibh; ’S dar theid an eigheachd gu cala’, Chuir solus air gniomhra’, Gheibh iad saors o’n eallaich, ’S bho na tonnan gu siorruidh. Ach cha ’n ann ’san uilean air cluasag Tha thu ’cumail ’suas do phobuill, Na mar ainmhuidh ’san raon, Tha ’ga lìonadh, gu cadal, * Lòn, biadh. [TD 25] Ach a bhi air an ruagadh Mar uain’ ’am measg mhadraidh, Is iad a’ dùraigeadh ’m fas’chadh An aon tra as an talamh. Ach b’e so latha na dubhaich Do luchd subhaich an t-saoghail, A bhi ’teannadh stigh orr’, Tìm tearbaidh na’n naoimh uath; Cha ’n fhaigh iad ’choidhch’ tuille An tròcair a ’s lugh’ ann ’n tìm uaith, Ach bithidh ’cheartas ’g an craidhneadh* Ma’ ri deamh’na dhaontan. Ma’ ri deamh’na dhaontan, Bithidh daoine gun ghrasan, Thilg thairis an fhirinn, Tha ’g innseadh mar ’tha iad; Ach dar thig lath’ an tionail, ’S gach fine na lathair, ’S cùis chraidh a bhi ’faicinn, Meud na feachd bhitheas aig Satan. IX—Oran a rinn e aig am an deach mòr shluagh as an Dùthaich do America, air lorg foreigin na ’n daoine mòra. THA mi ’faicinn iongantas Air tighinn anns an àm; Cha ’n ’eil againn ach bhi ’g éisdeachd Na chanas é-sa ruinn, Buinidh nithe na follaiseach Dhuinne a’s do ar cloinn. Ach na nicheanan tha uaigneach ’Se dhiomhaireachds’ tha ann. Ach tha mi ’faicinn faileas De na nithe bh’ann bho chèinn, Dar bha pobull Israel, ’San Eiphit ann am pèin: * Tormenting. [TD 26] Thug e le laimh làidir iad A mach bho Pharaoh féin, ’S dh’ fhosgail e an cuan doibh Dar ’luathaich e an deigh. Tha mi ’faicinn deuchainnean An tràthsa air gach làimh, Teaghlaichean bha urramach Air leagadh mhàn an ceann, Seirbhisich nan Uachdarain, Is oighreachan na’n clann,* An talamh làn de éigin, A Dhè co sheasas ann! Tha mi ’faicinn rìsdich An fhìrinn air a ceann; Doras a bhi air fhosgladh ’N uair a bha an iomair† teann; ’S na’m b’ chlann cùmhnant A dhùraigeadh dhul ann, Dh’fhosgladh e na flaitheanas Mus d’thigeadh iad gu mall’. ’S ged theidheadh iad do Char’lina, No do mhìr tha fo ’n ghréin, Cha b’ urra dhoibh tachairt Ach ann an talamh féìn; ’S iad oighreachan na ’n geallaidhean, ’S bithidh ’n solumas† d’a reir; ’S ged thigeadh iad gu cruaidh-chas Theid fuasgladh orr’ na ’m feum. Tha mi faicinn iongantas, Air tighinn anns an àm, Ach se coi-lionadh na fìrinn e, Bha air innseadh dhuinn roi’ làimh; Gu ’m bitheadh àite aonarach, Daoine air ’n cuir ann, ’S gu ’m bitheadh iad air aitireadh† Le caiteal agus clann. Feudaidh ’n glan ’san salach, Bhi ’n aon-uair anns an long, * Aig an àm bha Iarla Chat is Mor’ear Mac-Aoi air an toirt air falbh le bàs, agus an oighreachan na ’n clann òg. † A rig of land. § Abundance. || Inhabited. [TD 27] An cogal is an cruithneachd, Bhi air an cuir ’san aon fhonn, Is fàsaidh iad cuideachd, Gus am bi am foghar ann, Dar thig tìm na dealaichdean Eadar cruithneachd agus moll. Ma chanas sibh gur breugach so, Leughaibh e bho ’n tuil: ’N uair nach d’robh air fhàgail Ach an àirc gu sìol-cuir, Ma leughas sibh gu grund e ’S eigin dhuibh an sguir, Ma ’s breithnich sibh reusand’ Gach creutair bha ’n sud. Ach ’se tha cuir orm iongantas, Cionnus bha iad beò, An t-uan agus am madradh Air an cuir anns an aon chrò, An nathair is an duine, Chaidh an tùs leatha ’leon; Gach beathach glan ’s neo-ghlan, Cionnus fhuair iad lòn. Ged bhithinnse cho gòrach, ’S gu ’n deònaichinn dhul ann, Mar d’theidhinn air an rathad, Cha ’n fhada bhithinn ann; ’S ann tha mo shùil ri baile Is fearainn nach bi gann, Far nach caochail maighstir, ’S nach imir cliath no crann. Tha uachdarain na ’n daorsainn Do dhaoine anns an àm, ’G am fuadachadh ’s ’gan teannachadh Gu tìr ni maith do ’n clann; Ach moladh bhi gu bràch Do ’n Ti is airde glòir, Fhuair amach am fosgladh ud, ’Sa dheasaich dhoibh an lōn. ’Se mo bharail air na càirdean, Tha ’n trāthsa fada uainn, [TD 28] Gu ’n dean Dia an lìbhrigeadh* Bho chumhachd gaoith is cuain; ’G ged ’eil dàn mar dhùrachd† Aig uaisle an taobh-tuath, Gheibheir an cuid litrichean Is teisteanas am buaidh. X.—Oran a rin e air Coimhearsnaich mu ’n cuairt dh’a, a bha ann an amhreite, a caineadh ’sa deanamh rannaidheachd shalach do cheile; is a bha feumail ann an cosg’ a chuir air an cleachdaidhean. BHO dh’ith sinn an Ubhal Thanaig dubhaich is bròn, ’S iads’ tha dh’ easbhuidh na h-ath-bhreith Gheibhear toibheum ’nan ceòl; ’S leòir mheud dhoibh mar pheanas, Na leanas ri ’n dòigh, ’S ma bheir iad creideas do ’n fhìrinn Tha i ’g innseadh na ’s leòir. Bha mi ceithir bliadhna fichead Air aon inntinn riu-fein; Ach airson sùsana de shaoghail Cha d’ theidhinn rì’sd as an deigh, Gu leantainn ri ’n àbhais, Mar àbhais dhomh fein, ’S ma gheibh mis dhe fhabhar, Theid an còrr as a dheigh. Tha naimhdeas na naithreach, ’Ga fheuchainn bho thùs, Air teachd bho Adhamh, Mar phlaigh air gach feòil; ’S mar fhaigh sibh an ath-bhreith An talamh na’m beò, Gu ’n theid sibh gu Ifrinn Le dubhaich is bròn. Iads’ a chuireas do ’n fheòil Bithidh bran ann am buain; * Deliver. † Dan mar dhùrachd, means to have according to wish. [TD 29] Ach iads’ a chuireas do na Spiorad, Bithidh solas ’nan duais, Nach fhacas le sùilean, ’S nach cualas le cluais, Meud, doimhn’, agus àirde, Am fabhair ’sam buaidh. Bheirinn maitheanas bho m’ chridhe Do gach neach fo ’n ghrein, Na ’n deanadh iad tionndadh Bho gach taunt tha ’nam beul; Tha bhi mi ris an rud shalach Tha gràineil anna féin, Air am bheil aogais na h-Ifrinn A’ sruthadh bho ’m beul. Nach ann a gheibheadh sibh solus, Is foireachdan bheò, ’S gu ’n deanadh sibh tionnda’ A dh’ionnsuidh nam beò, Far nach ’eil gāmhaldas No taunt ann an ceòl, Ach seinn agus moladh ’Ga shealbhachadh ’n glòir. ’S tu ’m ’ulaidh, ’s tu m’aighear, ’S tu m’ aighear ’s mo ghràdh; Shoillsicheadh ’n inntinn, ’Sa chaochaileadh chàil, Chuireadh gras anns a chridh’ Is moladh ’sa bheàl, ’Sa phridhigeadh* le naomhachd, Do naoimh anns gach lā. Cha ’n ’eil gealladh ’san fhìrinn Bho thoisich gu crìoch, Air am bheil còir aig na daoine-s’ Gus an caochail iad rian; Cha ’n ’eil bagair ’sa Bhìobal Air a sgriobhadh bho thòs’, Nach buin do na daoin’-s’, Ach an caochail iad ceòl. * In allusion to seasoning of meat with salt or pickle. [TD 30] Ach bheirinn mo chomhairl, Na ’n gabhaid i uam, Bhi leantuinn gach abhais A b’ fhearr anns a duais, Nan creideadh sibh ’n fhìrinn Mar dh’fheudainns’ a luaidh, ’S ann bu mho n’ur fabhar ’Sa bhās, ge b’e uair. XI.—Oran do ANNA MHURCHIE, bean araidh; ri àm foghar’ fliuch, ’n uair bha i air a sarachadh le eas-chreidimh, agus thuirt i “Gur h-ann dhéilig Dia gu cairdeach ris a mhuinntir a thug e dhachaidh o an droch latha.” ANNA, dheilig e gu cairdeach riu Do ’n d’thug e gras, ’s tha ann, Tha cinnteach a fhabhar, is Nach failinnich a chainnt; Ged lobhadh na raointean ’S gun bheathach ni bhi ’sa ghleann, Ma ’s d’theidheadh ’h-aon diubh gun aran, Thigeadh manna ’nan ceann. ’S ged ’eil peacaidhean dhaoine ’G eigheachd dìtheachadh teann, Agus tearc dhiubh ri fhaotainn, Tha na ’m fireana’ ann; Na ’m bitheadh h-aon diubh a’m baile Cha bhitheadh ’n tomhas ud gann, Ghleidheadh sud dhoibh an talamh Gu sìoladh fearainn is fonn. Ach ’s minig thug e baile agus baile ’Seachad do fholamhachd ann, Is thug e dithis a teaghlach, Is an deigh-san an clann; Cha bu dearbhachd leam air e, Cainnt bho mho bheul, Ach deiligeadh Spioraid, ’Sa thaghald na dheigh. [TD 31] Ged tha mi ’n traths anns a gheamhradh Thig mo shamhradh a dheigh; Ach bha an claidheamh air a tharruing, Is dòrtadh fola do reir; Is gach breitheanas eile Airson peacana dhaoine, ’S geur-leanmhuin ’ga bhagair, Gu dearbhadh na’n naoimh. Ach gach ministeir arain, ’S luchd-comuinn folamh gun bhrigh, Fanaidh iads aig a bhaile, Mar choin air alachd* gun di; Ach dar thig àm feuchainn na h-ola Is coinneachadh ’n Righ, Bithidh iads’ air am pilleadh Gu ’n aimhleas bhibhuan gun chrìch. XII.—Oran a rinn e ri àm gainne, agus farmad air éiridh na inntinn ri pailteas a chunnaic e aig coimhearsnach. GALAR cràiteach nach gabh dhiom àicheadh, Air teachd bho Adhamh, lean m’ airneans’ a nuas; Galar éigin leis nach b’àill mo thréigsinn, Faic a Dhé e, ag iarruidh buaidh: Galar claonail air feadh an t-saoghail, Is chaidh sgaoilt air feadh an t-sluaigh; ’S mur fhaigh mi léine† de ’n aodach chéireach, Bho Oighre Dhe, tha ’n còmhnuidh shuas; ’S mur fhaigh mi léine de ’n aodach chéireach, Bho Oighre Dhe, tha ’n comhnuidh shuas, An deis is àilte, nach imir tàilleir, ’S nach iarr luchd-ceird gu a deanamh suas. ’S ge b’e thàradh do ’n tigh a ’s àirdé, Far am bheil àillteachd is brad na h-uails’, Dh’innseadh Daibhidh, Maois, is Aaron, Peadar, is Paul, pàirt de a luach. * A carcase. † A shirt. [TD 32] XIII.—Oran a rinn e ann am bliadhna na gainne, rè Cogadh America; anns am bheil e a’ gearan, dar bha mòran ag iundrain an aran aimsireil, cho beag ’sa bha de mheas air an aran spioradail, bha pailt anns an tìr. M’ULAIDH m’aighear, m’ulaidh m’aighear, M’ulaidh m’aighear meudal; ’S tu fhreagradh glaodh na’m bochd, Dar bhitheadh iad na ’n eigin; ’S tu a chaisgeadh cumhachd na goirt, ’N uair bu mhò a h-eighe, ’S tu a chaisgeadh cumhachd a chlaidheamh, ’N uair bu mhò a gheurad. M’ulaidh m’aighear, m’ulaidh m’aighear, M’ulaidh m’aighear meudal; Ged a lìonmhoraich thu an t-aran* Cha ’n ’eilear ’deanamh feum deth; Tha na treabhaich† ’dul a mach, ’S cha ’n ’eil maitheas as an deigh; Tha ’n Tigh-stòr air a ghlasadh, Cò dh’fhosgaileas na seulach’? Cia fhad a bhitheas e na bhonna creidimh, Oibrichean is foghlum, Is oibir na lagha o ’n bhaile Gun fhacal mu a deighne; A chuilc bhrùit’ cha ’n ’eil ri fhaighinn, ’Sa smùd cha ’n ’eil ag eiridh; Tha an Tigh-stòr’ air a ghlasadh, Cò dh’fhosgaileas na seulach’? Airson meud mo chiont Is lìonmhorachd m’ eacoir’; Ged robh mise tric a’ tagair, Cha fhreagairear m’ eighe; Ged robh mise tric a’ tagair, Cha fhreagairear m’ eighe; Tha an Tigh-stòr air a ghlasadh, Co dh’fhosgaileas na seulach’? * An t-aran spioradail. † Ministeirean an t-soisgeul. [TD 33] Dar bhitheas gach beul air ’n stopadh, Gun fhreagaireadh do ’n eighe, Sud Prionns’ na beatha air a chasan, Foisg’lidh mis na seulach. Theid na treabhaich ’n sin a mach, ’S bithidh maitheas as an deigh, ’S dar bheir thusa dhoibh do ghnùis, Bithidh ol’ is tùis ri ’n teudan: Is thig an dealt gu frasach pailt, ’S bithidh gart is alt ag eiridh, ’S bithidh na mairbh a’ tighìnn beò, Le feartain glòrmhor fein uat; Bithidh an t-uan an àit a mhadraidh, ’S Criosd an àit an dragoin; ’S bithidh ’n fhàsaich na tobair uisg, Ged ’eil i ’n diugh na h-Eiphit. Is bheir thu dhachaidh clann a chumhnant As gach taobh an d’theid iad, Oir tha do ghealladh dlùth Do Iudhaich is do Ghreugaich; Is as gach fine tha fo ghrein, Ni thus a ’n àird do threudan, ’S cha chuir bith-bhuantachd an ceill, Mheud ’sa rinn thu dh’fheum dhoibh. Thug thus’ aodan do ’n chath, An lath’ bu mhò eigin, Dar bha flaitheanas is talamh, Agus ifrinn le ’cheile, Air taomadh ’mach ’na t-aghaidh, Dh’fhuaisgil thus’ na seulach’. M’ulaidh m’aighear, m’ulaidh m’aighear, M’ulaidh m’aighear meudal, ’S tu fhreagradh glaodh na’m bochd Dar bhitheadh iad ’nan eigin. XIV.—Oran a rinn e ann an tìmean trioblaideach. GU ’N tigeadh do rioghachd Mar lili anns a cheitean, [TD 34] Le dealt na an gràs, Bheireadh fàs air na geugan; Tomhas de n’ Spiorad, Do ghlanadh mic Lebhi— A mharbhadh na sionnaich Lean mis’ a lios Edein. Mo thruaighe ’s mo chradh, Gu bheil an sgeul ud na firinn! Cho tearc is a tha iad, A tharas a h-innseadh, Aig am bheil e ri fhaicinn, Beath’ is cleachdadh na naomhachd, ’S gu ’m feudar a chreidsinn, Gu bheil ’n teist’neas fior-ghlan. Mo thruaighe ’s mo chradh Gur e-sud an caradh air daoine, Is iad ’tuiteam na ’n cadal Ann an seachranan claonaidh; ’S mur dean iad-fein tionnda Dh’ionnsuidh ’n Fhear-saoraidh, Tha iomlan gu ’n tearnadh A lamhan ’n fhear-dith’chidh— A lamhan an deamhain Tha ’gan cumail mi-rianail An aghaidh a cheile, Le chuilbhearta’ diomhair— Mar leòmhan ’san talamh, Rinn an tuigs’ mar chriathar; Ge bhithear ’gan teagasg Cha ghleidh iad a bhriathar’. Gu ’m bu naomh, ’s gu ’m bu naomh Do t-ainm-s’ a ta glòrmhor, Gu ’m bheil fuighleach ’san talamh Do ’n d’rinn thu aithnicht’ do thròcair; Tha thu cinnt’ ann do dheilig, ’S tha thu-fein dhoibh mar phòrsan, ’S tu ’mhaireas gu sìorruidh, ’S cha chaith bliadhn’ do stòras. ’Se aobhar chomhfhurt na ’n naoimh e Dar bhitheas iad a’ còmhradh, [TD 35] Cho foirfe ’s tha ’n ulaidh Ruith eadar am meòran: ’S ann bu mhaith i gu a cleachdadh, ’S cha d’robh peacadh ’na cnòdach— Iads’ do ’n ulaidh an saoghal Sud iad saor dheth rè momaint. Moladh bho an talamh Mar eòin ’gaireal anns a cheitean; Mar chalmanan a ghlinne, ’S iad a’ guil airson ea-coir, A’ sealltuinn ris-sa chaidh tholladh, ’Tarruing beath as na gleusan,* ’S bitheas e-sa gu brach Mar dhìon laidir nach treig iad. Nach h-ann ’sheideadh na gaoitean Air cnamhan tioram na fasaich, Ach an deanamh e ’n tionnda Mar chraobh ghlas anns a gharadh: Mar chraobh Lebanoin is ghiuthais, Mar chraobh ubhail is phalim, Bheireadh meas agus toradh Nach gearradh am bās uath. ’S ann mar sud ’tha lios an Tighearn Air a siòladh le gràsan; ’S ann ’n sud ’chithear gu soilleir Deadh chladhach a ghàrnal— Geugan an lagha, ’S dealt an t-soisgeil ’gan àrach, Bheireadh meas agus toradh Tre iom’dh ginealach ’sàlach. Nach h-ann bhitheadh agam cridh’ Leis am molainn ni b’fhearr thu, Airson teachd Fear-saoraidh, Is saorsainn a ghràsan, Fhuair buaidh air ’n t-saoghal, Air daoine, ’s air Satan, ’S ged luidh ’n eunlaith air ’n ìobairt Cha do dhìbreadh Abram. * Leòintean. [TD 36] XV.—Marbh-rann a rinn e do Mhaighstir HUISTEAN ROSS, Ministeir a bha ann an Cildonnan. OCH is ochan mar tha mi! ’Triall gach là do Childonnan, Ri bhi smuaineachadh t-àbhais, Agus blàthaid do chomuinn; Ge chòmhlaich an uaigh mì, ’S mi ’n uairean ’ga taghald, Cha sheas i dhomh d’ait, ach A’ triall gu bràch as do dheigh. B’ fharasd’ aithneachdan air do ghleus. Gu ’n d’ robh do speid a’ dul dachaidh; Dar theidheadh tu ’sa Chùbi, Bhitheadh fìon ùir anns an fheasgair; Dar theidheadh tu ’sa Chùbi, Bhitheadh fìon ùir anns an fheasgair; ’S gach neach a ghradhaich an fhìrinn, Bu chaomh leo do theagasg. Tha mi ’cuir fhianuis air do naimhdean, Mur innseadh tu ’n fhìrinn; ’S mur d’ fhuair iad do theagasg, ’S cuis eagail ri innseadh. Bheireadh tu bainne do ’n uan, Agus biadh do ’n chaora’, Is gheibheadh tu do ’n t-sedair, A chuid fein anns an fhìrinn. Bheireadh tu bainne do ’n uan, Agus biadh do ’n chaora’, Is gheibheadh tu do ’n t-seudair, A chuid fein anns an fhirinn; ’S dar thig iad-san cuideachd, Cha bhi thus’ air do dhìteadh: Cha b’e sud do pheacadh Gu ’n ceileadh tu ’n fhirinn. B’e sud Ministeir na comuinn, ’N tra chruinnicheadh ’chòmhail, Dhaighnicheadh oibir an dearbhaidh, Na ’m bu bheag na ’m bu mhòr i; [TD 37] Ach airson a chealgair, bha Thu d’imcheist dha ’n gòmhnuidh; Gheibheadh tu ’mach air a bhlas e ’S air fhoireachdan còmhla’, B’e sud ceann nam peathraichean Agus cairid nam bràithrean; Thaobh na feòla ’sa spioraid, ’S ceart a bheireadh tu gràdh dhoibh, Ceanna mna thu bha muileach, ’S goirt a bhuin rith’, do bhàs-sa; ’S ma dh’innseas mi ’n fhìrinn, B’e sud mo chaochla’ cràiteach. Gu’n cuimhnich an t-Ard-Righ Le fabhar do leanabh, D’a gleidheadh ’san t-saoghal, O gach baoghal is sgainnil; Gu’n lean e le naomhachd Bean na mìne ’bha ma’ riut. Riamh cha ’n fhaca mi h-aodan Ach fial, faolaidh is cainnealt. Bu bhlath do na bochd’ thu, ’S bu cheann-uigh do ’n àraidh, ’S do theaghlach a chreidimh, Cha ’n fhaca mi d’ àicheadh, Riamh cha ’n fhaca mi leithid De cheann peathair is bràthair; ’S tha e ’nis ann an teaghlach Cho saibhir ’sa ’s àill leis. Cha b’e Ministeir an arain A bhagam ri iomradh, Ach fear chunnaic ’sa dh’fhoirich De ’n ath-bhreith na dh’imireadh; A’ préisgeadh ’n t-soisgeul Bho fhoireachdain an’main, ’S bheireadh chomhairl bhitheadh fior-ghlan, ’S bhitheadh ciallach ri leanmhuinn. Ach bheirinn mo chomhairl, Ma theid mi ’sa Sgìre-sa, Gu ’n dean iad mo leabaidh Co fagus ’s tha sìnt’ riut; [TD 38] Oir cha ’n ’eil difir pearsa Ri fhaotainn ’san àit ud; Tha ’n Righ ’sam Baig’ear ’San aon staid anns a bhabhuinn. Gu bheil mis’ de ’n bharail, ’N tra bhitheas sinn ’g éirigh. Gu ’n aithnich mis’ agus HUISTEAN Anns an dùsgadh a cheil’, Dar thig trumpaid o ’n Athair Bithidh sin a chaith anns a cheile, ’S bithidh toiseach an rathad Aig na naoimh anns an eirigh. XVI.—Marbh-rann do HUISTEAN MATHANACH, duine urramach diadhaidh, bha ann am braigh Sgìre Childonnain, le ADAM GORDON, anns an aite cheudna. ’SE do bhās-sa, HUISTEAN, Dh’fhag gle chiuirteach ’n-ar cridh; ’S dh’fhag muladach craiteach Am pobull a tha do d’ dhì— ’Se bhi dh’easbhuidh do riaghailt, ’S do chomhairl dhiadhaidh gu sith, Thug saors’ do na ceudan, Gu ’n seasamh iad ann a stri. Sud a bhuille bha ciùirteach, ’Sa thug clann a chumhnant gu bròn, Gu ’m bheil na daimhean bha dlù’ dhoibh Air an duanadh* fo bhord, Bheireadh a chomhairl bu diadhaidh, ’Sa dh’fheuchadh ’n riaghailt bu choir, Do gach neach bhitheadh ’g iarruidh Gu bhi feuchainn an leon. ’Se bhi ’g amharc air d’ āros Tha na chradh dhuinn ’s gach am, Bhi ’ga faicinn na fasaich, Gun bhi an traths’ innt’ ach clann— * Dùineadh. [TD 39] Sud an ionad bha fìùghail, Le seinn is ùrnuigh ’na ceann, Ged dh’fholaich an ùir thu, Gun duil riut thigh’n ann. ’N uair nach cluinn sinn do chomhradh, No aon Note bho d’ bheul, Co dh’innseas n-ar cruaidh-chas, No ghabhas truas ruinn n-ar feum, Dar tha na Prapachan dileas Dol as an t-saoghal de leum; Tha e soilleir ri innseadh Gu ’n d’thug sud caoile air an treud. Dh’ fhàs an comuinn na ’s fhuaire, O chaidh thu uainn, riut gun dùil, ’S nach cluinn mi bhi luaidh ort, Chuir sud gruaim ann ar gnùis; Oir bha ’m briseadh cho chràiteach ’S gun d’ thug e bearn a n-ar dùthaich, Dheth an aireamh a b’àbhais Bhi moladh an Ard-Righ, le cliù. Nàm fosglaidh a Bhìobail, A’ cuir na fìrinn a suas, Gu’m bi léir air gach aon dhiubh, Anns gach Sgìre mu ’n cuairt: Fhìr a sheinneadh ’sa leughadh, ’Sa dh’ fhagadh deurach an gruaidh, Ged chosinn am bās thu, Rinn e blath dhuit an uaigh. ’S mòr a bhearn a n-ar tìr thu, ’S thug sud aonarachd òirne, ’S gach aon neach a chì mi, Tha iad mar dhaoin’ ann an ceò: Ged tha sud na ni cinnteach, Gu bheil thu ’seinn ann an glòir, ’Se dh’iarradh n-ar crìdhe dhuinn, Gu ’m faighte rìst thu do ’n fheòil. Bu shoilleir feartainn bho ’n Ard-Righ, Anns do nadur le buaidh; Bhi’dh tu tiorcadh do chairdean, Is dion do naimhde le truais; [TD 40] Bha do chomhairl is d’ iompaidh Cuir cosg air cunntaidh’n cruaidh, ’S ’nuair a thionailadh chomhail, Bu bhinn do chomhradh ’nam chluais. Ach sguiridh mis de d’ mholadh, Oir theirig mo chail, ’S thaobh ’s nach d’ fhuair mi gibht leirse, Gus na dh’ fheudainn a radh, Air chor ’s gu ’m b’urra mi iomradh, Mu thimchioll do bhais, Bha taitneach ’san am sin Do na h-aingil’ a b’ aird’. XVII.—Marbh-rann do SHEARRA M‘CULLOCH, bha ’n Dornoch, a bhathadh ’sa Phort-mhor.* Le SAMUEL MATHANACH. GUR fada buain chaidh am fuaim Air gluasad suas na trompaid,† Mais an t-sluaigh na luidh ’sa chuan, Is osnaich bhuan ’ga iundrain. Ceann-uidh nam bochd, na luidh ’sa Phort, ’Sa mhac gu bochd ’ga iomnadh sud— Ach tha mis’ an dochas, ’m Fear a ghleidh Ionah, Cho fada beo ’san ainmhidh ud, Gu ’n gleidh e e-sa, bho bhuil’ an Eisg, Ach am faighear e, mar ’s ionmhuinn leinn, ’S gu ’n d’theid gu h-ordail, ’chuir do Dhornoch, Far ’n d’robh e beo ’s gu ’m b’ainmeil e: Mar thaic ’s mar shìth, mar phrap ’san tìr, ’S cha ’n fhaighte trì an Alba’ dheth. * Hugh M‘Culloch, Esq. late Sheriff Substitute of Dornoch, who with many others, was drowned in crossing the Meikle Ferry—a man, with his other good qualities, eminent for piety, and whose death is much and justly lamented by many, and in particular by a large circle of his Christian acquaintances in that country. † In singing the Elegy, every two lines are twice repeated. [TD 41] ’S gur e th’air innseadh ’feadh na rioghachd, “Cha ’n fhaic sinne a choidche cho dealbhach riut;” Dar theidh’ tu a sgaoileadh d’fhoireachdan ghaolach, Eadh gu ’n taobh’cheadh leanabaidh riut. ’S dar theidh’ tu dh’ùrnuigh, ’s gaoth ’s na siùil agad, Bhitheadh tu mar dhriùchd do anamana; Bhitheadh blas na mealach tighinn bho t-anail, Dar bhitheadh d’anam ’sealbhachadh. ’S dar mhìnich’ tu ’n fhìrinn, ’mach as a Bhìobal, Gheibheadh gach aon an dearbhachd uat: Bhitheadh do chàirdean guil ’sa gàire, Dar bhitheadh do bheul-s’ ’ga h-ainmeachadh. ’S dh’inns’ tu do chàch nach d’robh ’sa chlàr, Aon fhacal tear’nte gu earbsa dhoibh, Mur tionnda’ iad gun dàil gu Rìgh nan gràs, Gu ’n deanadh ’m bās a dhearbhadh dhoibh. Ach tha bochda’ ’n t-sluaigh ri gearan chruaidh, Mo thruaigh! gu ’n deach’ thoirt im’rich uainn; ’S ar tìr gu slàn, air fhàgail fàs, Gun neach ni àits’ a lìonadh dhuinn. Tha na bh’agad de naimhdean ’g éirigh a ’nàird, ’S iad féin ’sa Sàtan geanmhuineach;* ’S tha iad an tràs’ aig fois is tàmh, Oir bha thu na d’ plaigh ’s na t-imcheist dhoibh. Ministeirean gun ghràs, ’s cealgairean fàs, Cha ’n ’eil do bhās ’gan cumraigeadh; Nior ’n ionann sud ’s do chàch, a fhuair dhe do ghras, Cha sguir gu bràch de d’ainmeachadh— ’S cha ’n ’eil gu leòir, air an taobhs’ de Ghlòir, Na ni an cuid leon-s’ a thiormachadh. ’S ann leam gur cinnt’, gur iad bhitheas tinn, Aig àm na seinn a’ criochnachadh;† * Joyful or merry. † Alluding to a fellowship meeting held in the neighbourhood of Dornoch, which he regularly attended. [TD 42] Bhiodh cheols’ dol suas gu Rìgh na’ sluagh, ’S bhiodh leòntaich thruagh gle inntinneach. ’S dar theidh’ tu dh’ùrnuigh, aig àm an dùinidh, Bhiodh iomadh sùil ’gan tiormachadh: Ghluaiseadh marbh, is sheinneadh ’m balbh, ’S bhitheadh cnamhan marbh a’ tiomsachadh. ’S mu dheighne do chliù, tha e na ’s mò, Na gu ’m b’fhiù sinn bhi ’ga leanmhuinn sud; ’S cha ’n urra gu bràch rè feadh n-ar lā, Le teanga Bhard do dh’ainmeachadh. Ach seall ’s gun dail ’nuas air na dh’fhag Gu toirt dhoibh pairt de ’n ionmhas ud, Thug è-s’ gu tear’nt, gu cala na slaint, ’S gu bràch cha ’n fhaic e cumraigeadh. Ach a Rìgh na ’n gras, thug è-sa ’naird, Cuir a dheis gu slan air aon-ghin-mic;* ’S mu dheighne chaich, cha ’n urra mi radh Do thaobh ’s nach fhar mi ’n ainmeachadh.† Ach fhuair mi cliù, air a chuid bu mhò, Bha glé chùr gu leanmhuinn ris: ’Sa mheud sa beòl domh, ’m fad’s bu bheò iad, Bu mhòr an leòn a h-Albain iad. ’Sa Chirsti ordail Nic-an-Toisich ’Se do dhoighs’ bha ionmhuinn leam: Bha thu deanamh gun bhi ’g fheuchain, ’S do chuid deur ’gan tiormachadh. ’S dar rinn mi t-fhagail, ’s guidh gu slan duit, Bha mi cradh gu h-uaigneach; ’S thuirt mo bheal e ris na bha laimh rium, Cha ’n fhad an dail gun iomlaid duit. Ach fhir a dh’fhag i, lean’s a raidean, ’S bheir iad tear’nt gun iomrall thu. * His only son, at present a Captain in the Army. † Alluding to those that have been drowned with him, and whose names had not at this time been ascertained. [TD 43] XVIII.—Oran do Mhistress GORDON, bean urramach bh’n Achadh-na-mòine, ann an Sgìre Chìll-donnain. OICH is ochan mar tha mi, Is Iordan a bhàis na chuan bàthaidh, ’S nach faigh anam ’null air teàruint’, Ach mheud ’sa shealbhaicheas do gràsan. Ach fhuair thus’ null air aon uair a Bhettie, Is fhuair thu saoras corp a pheacaidh, Ged b’ iomadh uair gu ’m b’e do bheachd-sa, Gur tu bu mhò de na peacaich. Ach seall-sa mhàn oirnn a t-fhàbhair, ’N uair thug thu uainn’ a gheug bha àluinn, Air an d’robh na measan teàruinte, T-fhìor eagal is gaol nam bràithrean. Fhuair thu farsuingeachd gu sgaoileadh Na thàr thu riamh de’ n t-saoghal: Fhuair thu beachd air mar na plaosgan, Is fhreagair thu leis-san faithn an Fhir-shaoraidh. Sgaoil thu e air na bochdan, Is tha thu nisean ’buain an ocair, Is na tha ad dheigh-san dhiubh ’sìor osnaich, Mo thruaighe leir gu ’n deach i as so. Roghnaich thu iad as an t-saoghal, Roimh dhaoine mora lan de mhìltean, Is tha thu ’nis ’nan cuideachd dhaontan, Mar ri Abraham agus Isaac. Dh’eirich dhuit-san sud glé thrathail, Mar dh’eirich do Mhaois air nighean Pharaoih: Roghnuich thu cuideachd nam braithrean, Roimh uile ionmhas an tigh a ’s àine. Is ged bhiodh iad-san bochd gun aodach, Gun òr gun airgiod anns an t-saoghal, [TD 44] ’N uair chitheadh thu-san an aodainn, Lìonadh do ghnùis làn de dh’fhaoilt riu. Dar thigeadh tusa gu tigh na còmhlach, ’S mise nach cluinneadh fuaim do bhrògain, Is bheag air mhòr na bhiodh do mhòd ann, An t-aite a b’isle b’e sud do phòrsan-sa. ’N tra bhiodh mnathan fuar gun ghrasan ’G iarruidh an t-suidheachan a b’àirde, Thigeadh thusan a steach gu sàmhach, Is shuidheadh tu shìos, gu ’m b’e sin t-abhaist. Fhuair thu spiorad na fior āicheadh, Is chleachd thu i fhad ’sa bha thu; Fhuair thu saoras daorsan Pharaoih, Ge tric a dhearbh e dhuits’ na namhaid. Fhuair thu neo-lochduidheachd a cholumain, Fhuair thu gliocas na beist a mharbh sinn, Fhuair thu ’mach bho ’n h-uile an-earbsa, Is fhuair thu creideamh air a dhearbhadh. Bha thu maiseach ann a t-aogais, Is dh’aicheadh thu fasanan an t-saoghail, Ghabh thu taitneas ann an naomhachd, Is tha thu nis air do lān shaoradh, Cha ’n fhaicinn fhein ort stoc no crābhat, No léine bheag mar tha aig an àrdan; Ach neapaig shingilte air do bhraghaid, Is thu mar rialt air beinn glé arda. Mar bhaile air cnoc thu bha gle dhealrait’, Ged bhitheadh tu-fein ’ga t-fhalach; Gur beag an tìom ’bhithite far riut, Dar chithite gu ’n shealbhaich thu fior sholus: Ghabh thu taitneas anns an fhìrinn, Is rinn thu cuideachd de na Bhìobal; Ughdairean diadhaidh ’s iad bu chaomh leat, Is bhitheadh tu ’nam measg dar a dh’fhaodadh. [TD 45] Bu cheann uidhe thu do gach àraidh, Do dhaoine uailse ’s do ’n bhochd bu tàire— Ach mheud ’sa shealbhaich fior-ghràsan, B’e sud do roghainn de na bhà so. Mhais nam ban thu BHETTIE GHORDAIN; Co chunnaic ’riamh do ’m b’eòl thu, Nach taitneadh riu do chòmhradh, Is tha thu nisean thall air Iordan. Fhuair thu peighinn dhe ōr Sheba, Is dh’fhuasgail e ortsa ann a t-éiginn, Is phaigh e uile na bha de dh’fheich ort, Is thug e nis gu Pharras Dhé thu. Is ma thug thus’ ise a nàirde, Pill-sa ’manntal air na dh’fhàg i, Dean-sa mar phropach anns gach àit iad, Bhios mar bhasgadh do na càirdean. Och, fhir a fhuair i is a dh’fhàg i, ’S ann leam-sa nach b’ionadh thu bhi cràiteach; Ach dean-sa do dhìcheal cho fhad ’sa thàras, Gu ’m bi agad peighinn de ’n fhior eàrlas. Is ’n uair a choinnicheas sibhse a cheile, Moch ’sa mhadainn aig an ais-eirigh, Bithidh n-ur gaol is n-ur daimhe d’a cheile, Air dhoigh ’s nach h-urrair chuir an ceill so. Is dar bha mi ’ga do chaireamh, ’Shaoil leam fein gu ’n robh mi cràiteach, Ri bhi a’ smuainteachadh air t-àbhaist— C’ait’ am faic mi do leithid ri àireamh? Cha b’e bròn idir le an-earbsa, Ach bròn bhi ’dealachdain gu dearbh riut Is ged a shiubh’lainn-sa feadh Alba, Cha mhòr a chithinn-sa de d’ dhealbs’ ann. Ach sguiridh mis’ a nis do dh’ radh so, Oir cha ’n urrainn mi do chuir an daintean, Meud do bhuaidhean-sa ri aireamh, Cha chuirte an ceill le teangan bhaird iad. [TD 46] IXX.—Oran do NIAL MACPHERSON, a bha na Fhear-Ceasnachaidh ann an Sgìre Hacric, an Gall’aobh. ’SANN air mhadainn Di-māirt Fhuair mi sgeula do chaochlaidh, Gu ’n deach NIAL thoirt a ’naird Gu tearuinte do ’n rioghachd. Tha iomadh an Sgìre Hacric Gle chraiteach do dhìth-san; Oir bha thu mar bheul dhoibh Mar bha Aaron do Mhaois sud. Bha thu dhoibh ’t-athair gle thearuint’, Cho fad ’sa bha thu san t-saoghal; Is chlothadh tu os’chean shatain, Dheanadh na braithrean a sgaoileadh, Cheileadh tu ’m failligean O’n naimhdean ’san t-saoghal, Is dheanadh tu ’m brisidhean chaireamh Le d’ dhaimh is le d’ dhìlseachd. Ach cha b’ann le fuirm na diadh’achd Bha do thriall cho fhad ’sa bha thu: ’S ann bha thu ’siubhal gu h-ìosal Mar Chriosduidh bha tearuint’. ’S gu ’n robh teisteas fhior air Aig caochladh do bhāis-sa. Chaidh tu dhachaidh le d’ fkluir, Nam boil le cumhachdan Shatain. Ach na ’m faicinns’ neach bhiodh dìleas As an Sgìre ud dh’fhag thu, ’S gu ’m biodh agamas comhairl’ Gu ’m b’e so i an drast dhoibh; Iad do cheangal le ùrnuigh, Anns an dlùiteachd an d’fhag e; Mus canadh na naimhdean ’san t-saoghal Gu ’n dhìbir an gradh ac. [TD 47] ’S mor tha de neul diomaidh Air a ghrunnd ud dh’fhag thu, ’S air gach Sgire mu ’n cuairt dha, Bhi toirt uath ’n fheoghainn b’fhearrd’ iad— Gun neach a bhi ’g éiridh Dheanadh feum ann an ait-san: ’S ann tha sinne air n-ar seideadh Le fein agus ardan. Bha do bhuaidhean-s’ do-aireamh, Cor nach fhar mi do ’n innseadh, Ged bhiodh agam gibht bhaird Do chuir ’mhan ann an sgriobhadh. Cha b’urrainn mi aireamh Na bha ri radh mu d’ thimchioll, Is tha thu nise do thamhteachd Far nach fhail’nich an gaol thu. Ach ’s iomadh oidch’ bha misean Ri do chlisich, ’s bu bhlath i, ’S cùbhr’ gheibhinns’ t-anail Mu gach anam de ’n phārt ud, Is dheanadh e dhuit ciùrradh Aon droch cliù mu ’n phārt ud; Oir bha thu mar an drùchd dhoibh, Ann an dlùithteachd ’san daimh riu. Ach c’ait’ an teid mis’ do dh’iarruidh Fear do rian-sa anns an t-saoghal, ’S tu chumadh taic ris na bochdan, Is cha chuireadh tu uat iad nam faodadh. Ghabhadh tus’ na t-uchd iad, Ged bhiodh iad bochd anns an t-saoghal, Cha dheanadh tu an aicheadh Ged bhiodh cach ’gan dìteadh. Fhuair thu gibht o ’n h-ardean, Fhuair thu grasan is gaol uath. Tha iomadh an Sgire Hacric A tharas sud innseadh— Nach fhaic iad ’san fhasaìch Neach na b’aillt ann a t-imeachd, [TD 48] Is tha thu nis air do thamhteachd, Mar ri Abr’am is Isaac. XX.—Marbh-rann do SHEORAS MACAOI, Fear Arichlinie, an Sgìre Chill-donnain. 1809. ’S CRUAIDH an sgeul, a fhuair mi an dè,* Gu ’n d’ thug ’n t-Eug air falbh tha uainn! B’fhear thu bha treun, gu obair Dhe, ’S bu mhòr n-ar feum ’n Albain ort. ’S cho tearc ’sa tha de chlainn no slainte Air feadh gach ait’ an tionnda sinn, ’Sa chuid a b’fhearr, ’s bu phailte gras, Air fagail bān nam beanntaichean. Bha thu mar rialt aig pobull Dhia, Do dh’fheuchainn sgiamh an t-Slanuigh’ear, Oir bha do dhiadhachd ann do ghniomhairean, Reir do bhriathran tabhachdail. Chum teagasg chaich air chinn a bhāis, ’S tu fein do gnath mar riaghailt dhoibh: Le tuigse gheur, bha cumte ri feum, ’S i ullamh rèidh, neo-chianaileach. ’Se Bean na h-Ari, ’nis a dh’fhag thu, Anns an fhasaich aonarach: Tha i fo bhron, ’s gach neach tha beò De ’n teaghlach mhòr a dh’araich i. Tha sinne fo ghruaim, thaobh meud do luach, Dhol uainn cho luath do shìorruidheachd: * A slow tune suits best, and every second couplet may, with advantage, be repeated twice, and the second time on a higher key. [TD 49] Ach moladh Dh’a-sa a thionnd’ am bās Bho aobhar craidh is cianaileachd, Gu aoibhneas mòr, do chlainn na glòir, Dh’an d’thug E còir air oighreachda’: Oir chaidh E suas, gu Caithir truas, Chum ait an duais a dhaighneachadh. ’S ge cruaidh an cas dhol tre na bhās Do luchd dha ’n stadh an saoghal so, Bithidh pobull Dhia gun tuille pian, Rinn feartan Chriosd an saoradh uath. Tha Ainglean naomh, le aoibhneas caomh, ’Gan toirt bho dhaors’ ’s bho thruaillidheachd, ’S bithidh iad a’ seinn, le òran bìnn, Bho linn gu linn tre shiorruidheachd. XXI.—Marbh-rann do HUISTEAN MACAOI, Odha do Fhear Arichlinie, an Sgìre Chill-donnain, chaidh thabhairt air falbh leis a bhas ’n IAMECA, 1814. Le a Bhrathair a seana. SE mo chridhe-sa tha ciùrteach, Se mo shuilean tha deurach, ’S mi ’ga t-iundrain, HUISTEAN, ’S tu ’sa ’n ūir ’n IAMECA! ’S beag a shaol leam, tra dhalbh thu, Gu ’m be falbh e gun philleadh; Ach tra dhealich mi ’n CROMBA, ’S tric a chrom mi gu sileadh. Och! mo thruaighe mar tha mi, Tra thug ’m bās uainn cho luath thu, ’N cŏrp b ailte ar a charadh! Gun aon de chardin ma ’n cuart da: [TD 50] Ach bha do Phearsa cho briagh, ’S cho ciallach do chleachdamh, ’S gu ’m bu lionmhor dhuit càrdean Anns gach aite gus ’n deach thu. Ged ’eil thus’ ann a sonas Fad a comas gach namhaid, ’M feadh bhithis mise anns ’n t-saoghal, Bithidh mi caoineamh na dh’fhag mi: Bu mhor do mhaise ’s do stuamachd, Bu mhor do bhuaidhean ri ’n aireamh, Bu mhor do chobhair ’n cruadal, ’S bu mhor do luach dhomh mar bhrathair. Ciod e their mi, mo mhathair! ’Se ’n Righ ’s ard a thug uainn e, ’N Ti chuir sgiamh air cho āluin, ’S iomhaigh a mhathair ’na ghruadhean: ’S tha e nis air a shaoradh Bho gach daorsa agus truaighe; ’S tra thig deireadh an t-saoghal, Bheir e rist as ’n uaigh e. Tha mi ’n duil gu ’n d’theid m’athair Gu cathair na ’n grasain, Ach a ’m faic e a roighuin Air taghadh na slainte: Tha a Spiorad ’n gleidheadh Anns na Flaithibh ’s arde, Ann an ochd an Fhir-shaoraidh, A thug gaol dha nach failling. Se do bhās a rinn brōnach Na tha beò dhe do chairdean, ’S gach neach a bha eolach Air t-oig ’s do phairstean; Ach gabhamaid dochas Agus seoladh a t-abhais, Chum ’s nach bidh sinn fo eagal ’N uair a leagas ’m bās sinn: Chum ’s gu ’m faic sinne e fathast Anns na Flaithibh cho sgiamhach [TD 51] ’S e mar rialte anns ’n athar, ’S a latha neo criochnaichte, Air eideadh le naomhachd, Agus fìrinn na Grian ud, A tha leighis a chlann daoine, Le gaol, fo a sgiathan. A CHRIOCH. Lately Published, And to be had of K. DOUGLAS, Tain; R. B. LUSK & Co. and D. MORRISON & Co. Inverness; and of the Translator, R. MACDONALD, Schoolmaster, Dingwall, BUNYAN’S LIFE AND DEATH OF MR. BADMAN, In Gaelic, price 2s. 6d. in boards. And to be soon Published, BUNYAN’S SIGHS FROM HELL, In Gaelic, 1s. 6d. in boards. Subscribers taken for it by K. DOUGLAS, Tain; R. B. LUSK & Co. and D. MORRISON & Co. Inverness; and by the Translator, R. MACDONALD, Schoolmaster, Dingwall. Of whom may be had the said admirable Books in English.