[TD 1] LEABHRAICHEAN AN T-SEANN TIOMNAIDH, AIR AN TARRUING O’N CHEUD CHÀNAIN CHUM GAELIC ALBANNAICH, ANN AN CEITHIR EARRANNAIBH. EARRANN III. Air iarrtus na Cuideachd urramaich, a ta chum Eòlas CRIOSDAIDH a sgaoileadh air feadh Gàeltachd agus Eileana na h-ALBA. CLÒDH-BHUAILTE AN DUN-EIDIN LE ALASTOIR SMELLIE. MDCCCI. [TD 2] [Blank] [TD 3] DARA LEABHAR NAN EACHDRAIDH. CAIB. I. AGUS dhaingnicheadh Solamh mac Dhaibhidh ’na rìoghachd, agus bha’n Tighearn a Dhia maille ris, agus dh’ardaich se e gu mòr. 2 Agus dh’àithn Solamh do (1) Israel uile, do na ceannardaibh mhìltean agus cheud, agus do na breitheamhnaibh, agus do gach uachdaran air Israel uile, cinn nan aithriche (2). 3 Agus chaidh Solamh agus an coi’-thional uile maille ris do’n àit ard a bha ann an Gibeon; oir an sin bha pàilliun coi’-thionail Dé, a rinn Maois, òglach an Tighearna, anns an fhàsach: 4 Ach àirc Dhé thug Daibhidh a nìos o Chiriat-iearim, do’n àit a dh’ulluich Daibhidh dh’i; oir shuidhich e pàilliun air a son ann an Ierusalem. 5 Mar an ceudna, bha’n altair umha, a rinn Besaleel mac Uri, mhic Huir, an sin fa chomhair pàilliuin an Tighearna: agus dh’iarr Solamh agus an coi’-thional e (3). 6 Agus chaidh Solamh suas an sin a dh’ionnsuidh na h-altair umha am fianuis an Tighearna, a bha aig pàilliun a’ choi’-thionail, agus dh’ìobair e oirre (4) mìle ìobairt-loisgte. 7 Air an oidhche sin dh’fhoillsich Dia e fein do Sholamh, agus thubhairt e ris, Iarr ciod a bheir mi dhuit. 8 Agus thubhairt Solamh re Dia, Nochd thu do Dhaibhidh m’athair caoimhneas mòr, agus rinn thu mise a’m’ righ ’na àit (5). 9 Anis, a Thighearna Dhé, coimhlionar (6) do ghealladh (7) do Dhaibhidh m’athair: oir rinn thu mise a’m’ righ air sluagh, lìonmhor mar dhuslach na talmhainn. 10 Thoir (8) dhomh a nis gliocas agus eòlas, a chum as gu’n d’théid mi mach agus gu’n d’thig mi steach roimh an t-sluagh so: oir cò a’s urrainn breth a thabhairt air do shluagh so a tha co mòr? 11 Agus thubhairt Dia re Solamh, A chionn gu’n robh so a’d’ chridhe, agus nach d’iarr thu beartas, maoin, no cliu, no anam do naimhdean, agus mar an ceudna nach d’iarr thu saoghal fada, ach gu’n d’iarr thu dhuit féin gliocas agus eòlas, leis an d’thugadh tu breth air mo shluagh-sa air an d’rinn mi thu a’d’ righ, (1) labhair Solamh re. (2) cinn nan teaghlach, na h-ard aithriche. (3) d’a h-ionnsuidh. (4) uirre. (5) Faic. I. Righ. Caib. III. r. 6. (6) daingnichear, firinnichear. (7) t’fhocal. Eabh. (8) Tabhair. [TD 4] II. EACHDRAIDH. CAIB. II. 12 Tha gliocas agus eòlas air an tabhairt duit, agus bheir mise dhuit beartas, agus maoin, agus cliu, air chor as nach a robh a leithid aig na righrean a bha romhad, agus a’d’ dhéigh nach bi a leithid. 13 Agus thàinig Solamh o’n àit ard (1) a bha ann an Gibeon gu h-Ierusalem, o làthair pàilliuin a’ choi’-thionail, agus rìoghaich e os cionn Israeil. 14 Agus chruinnich Solamh carbaid agus marc-shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà mhìle dheug marcach; agus chuir e iad ann am bailtibh nan carbad, agus maille ris an righ ann an Ierusalem (2). 15 Agus thug an righ air airgiod agus air òr a bhi ann an Ierusalem mar na clachan, agus air na crannaibh seudair (3) thug e bhi mar na croinn shicomoir a tha anns an t-srath, air lìonmhoireachd. 16 Agus thugadh eich do Sholamh a mach as an Eiphit, agus snàth-lìn: ghabh ceannaichean an righ an snàth-lìn air luach. 17 Agus thàinig iad a nìos, agus thug iad a mach as an Eiphit carbad air shè ceud secel airgid, agus each air cheud agus leth-cheud: agus mar sin do uile righibh nan Hiteach, agus do righibh Shiria, le’n làimh-san thugadh amach iad. CAIB. II. AGUS shonraich Solamh (4) tigh a thogail do ainm an Tighearna, agus tigh d’a rìoghachd. 2 Agus dh’àireamh Solamh a mach deich agus tri fichead mìle fear-iomchair eallaich, agus ceithir fichead mìle fear-gearraidh anns a’ bheinn, agus tri mìle agus sè ceud a shealltuinn thairis orra. 3 Agus chuir Solamh teachdoire gu Huram (5) righ Thiruis, ag ràdh, Mar a rinn thu re Daibhidh m’athair, agus a chuir thu d’a ionnsuidh craobhan seudair a thogail tighe dha gu còmhnuidh ghabhail ann, dean rium-sa: 4 Feuch, tha mi gu tigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhé, chum a choisreagadh (6) dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh ’na fhianais, agus air son an arain thaisbeanta bhith-bhuain (7), agus air son ìobairtean-loisgte air maduinn agus air feasgar, air na sàbaidibh, agus air na gealaichibh nomha, agus air ard fhéillibh an Tighearn ar Dé: gu bràth tha so ceangailte air Israel. 5 Agus bithidh an tigh a thogas mise mòr: oir is mòr ar Dia-ne os cionn nan uile dhé. 6 Ach cò a’s urrainn tigh a thogail dha, ’nuair nach cum na nèamha, no nèamha nan nèamh e? Agus cò mise gu’n togainn dha tigh, ach a mhàin a losgadh ìobairtean ’na fhianuis? 7 Anis ma ta cuir a m’ionnsuidh duine, teòma (8) air oibreachadh ann an òr, agus ann an airgiod, agus ann an umha, (1) o thurus d’on àit ard. (2) I. Righ. Caib. X. r. 26. (3) ceudair. (4) chuir Solamh roimhe. (5) Hiram. I. Righ. Caib. V. r. 1. (6) naomhachadh. (7) lathail. (8) eòlach, glic. [TD 5] II. EACHDRAIDH. CAIB. II. agus ann an iarunn, agus ann an corcur, agus ann an dearg, agus ann an gorm, agus a tha eòlach air gearradh gu grinn maille ris na daoinibh ealanta (1) a tha maille riumsa ann an Iudah, agus ann an Ierusalem, a sholair Daibhidh m’athair. 8 Cuir a m’ionnsuidh mar an ceudna craobhan seudair, craobhan giuthais, agus craobhan alguim o Lebanon: oir tha fhios agam gu bheil do sheirbhisich eòlach air fiodh a ghearradh ann an Lebanon: agus feuch, bithidh mo sheirbhisich-sa maille re d’ sheirbhisich-sa, 9 Eadhon a dheasachadh dhomh fiodha ann am pailteas; oir bithidh an tigh a tha mise gus a thogail mòr agus iongantach. 10 Agus feuch, bheir mi do d’ sheirbhisich, na gearradairean a ghearras fiodh, fichead mìle tomhas do chruithneachd buailte, agus fichead mìle tomhas eorna, agus fichead mìle bat fiona, agus fichead mìle bat ola. 11 Agus fhreagair Huram righ Thiruis ann an scrìobhadh, a chuir e dh’ionnsuidh Sholaimh, A chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna d’a shluagh, rinn e thusa a’d’ righ os an cionn. 12 Thubhairt Huram mar an ceudna, Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil a rinn nèamh agus talamh, a thug do Dhaibhidh an righ mac glic, aig am bheil eòlas agus tuigse, a thogadh tigh do’n Tighearn, agus tigh d’a rìoghachd! 13 Agus a nis chuir mi a d’ ionnsuidh duine eòlach, aig am bheil tuigse, a bha aig Huram m’athair (2), 14 Mac mnà do nigheanaibh Dhain, agus athair ’na dhuine o Thirus, teòma (3) air oibreachadh ann an òr, agus ann an airgiod, ann an umha, ann an iarunn, ann an cloich, agus ann am fiodh, ann an corcur, ann an gorm, agus ann an anart grinn, agus ann an dearg, agus air gearradh gach gnè gearraidh, agus air dealbhadh gach ni innleachdaich a chuirear fa chomhair, maille re d’ dhaoinibh ealanta-sa, agus daoinibh ealanta mo thighearna Dhaibhidh t’athar. 15 Anis air an aobhar sin an cruithneachd, agus an t-eorna, an oladh, agus am fion air an do labhair mo thighearn, cuireadh e iad a dh’ionnsuidh a sheirbhiseach: 16 Agus gearraidh sinne fiodh a Lebanon, a réir gach feum a bhios agad, agus bheir sinn a t’ionnsuidh e ’na ràthaibh air muir gu Iopa, agus bheir thusa suas e gu h-Ierusalem. 17 Agus dh’àireamh Solamh na coigrich uile a bha ann an tìr Israeil, an déigh an àireimh leis an d’àireamh Daibhidh athair iad; agus fhuaradh ann diubh ceud agus leth-cheud mìle agus tri mìle agus sè ceud. 18 Agus rinn e tri fichead agus deich mìle dhiubh ’nan luchd-iomchair eallach, agus ceithir fichead mìle ’nan gearradairibh anns an t-sliabh, agus tri mìle agus sè ceud ’nan luchd-amhairc thairis a thoirt (1) glice. (2) duine eòlach aig am bheil tuigse, eadhon Huram-abi. (3) seòlta. [TD 6] II. EACHDRAIDH. CAIB. III. air an t-sluagh obair a dheanamh. CAIB. III. AGUS thòisich Solamh air togail tighe an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh athair, anns an àit a dh’ulluich Daibhidh ann an urlar-bualaidh Ornain an Iebusaich. 2 Agus thòisich e air togail air an dara mìos (1), anns a’ cheathramh bliadhna d’a rìoghachadh. 3 Agus is iad so na nithe a shuidhicheadh le Solamh (2) chum tigh Dhé a thogail: am fad ann an làmhaibh-coille a réir a’ cheud tomhais, tri fichead làmh-choille, agus an leud fichead làmh-choille. 4 Agus an sgàth-thigh a bha air beulaobh an tighe, fichead làmh-choille fhad, a réir leoid an tighe, agus ceud agus fichead làmh-choille airde: agus chòmhdaich e thairis e air an taobh a stigh le h-òr fior-ghlan. 5 Agus an tigh mòr chòmhdaich e le fiodh giuthais, agus chòmhdaich e thairis e le h-òr fior-ghlan, agus thug e air craobhan pailme éirigh suas air, agus slabhraidhean. 6 Agus sgeadaich (3) e an tigh le clachaibh uaisle air sgàth sgèimhe; agus b’e ’n t-òr òr Pharbhaim. 7 Agus chòmhdaich e thairis an tigh, na sailthean, na puist, agus a bhallachan, agus a dhorsan le h-òr, agus ghearr e cheruban air na ballaibh. 8 Agus rinn e ’n tigh ro-naomha: fhad a réir leoid an tighe fichead làmh-choille, agus a leud fichead làmh-choille: agus chòmhdaich e thairis e le h-òr fior-ghlan, a thàinig gu sè ceud tàlann. 9 Agus b’e cothrom nan tairngean leth-cheud secel òir: agus chòmhdaich e thairis na seomraichean uachdarach le h-òr. 10 Agus anns an tigh ro-naomha rinn e dà cherub do obair sho-ghluaiste, agus chòmhdaich e thairis le h-òr iad. 11 Agus bha sgiathan nan cherub fichead làmh-choille air fad: aon sgiath cùig làmha-coille, a’ ruigheachd gu balladh an tighe; agus an sgiath eile cùig làmha-coille, a’ ruigheachd gu sgiath a’ cheruib eile: 12 Agus sgiath a’ cheruib eile cùig làmha-coille, a’ ruigheachd gu balladh an tighe; agus an sgiath eile cùig làmha-coille, tàthta re sgiath a’ cheruib eile. 13 Sgaoil sgiathan nan cherub sin iad féin a mach fichead làmh-choille: agus sheas iad air an cosaibh, agus an aghaidhean ris an taobh a stigh. 14 Agus rinn e am brat (4) do ghorm, agus do chorcur, agus do dhearg, agus do anart grinn, agus dh’oibrich e cheruban air. 15 Agus rinn e air beulaobh an tighe dà phost cùig lamha- (1) air an dara la do’n dara mìos. (2) na nithe anns an do sheòladh Solamh. (3) chòmhdaich. (4) an roinn-bhrat. [TD 7] II. EACHDRAIDH. CAIB. IV. coille deug thar fhichead (1) air airde, agus an ceann a bha air mullach gach aon diubh cùig làmha-coille. 16 Agus rinn e slabhraidhean, mar anns a’ ghuth-àit, agus chuir e iad air mullach nam post, agus rinn e ceud pomgranat, agus chuir e iad air na slabhraidhibh. 17 Agus chuir e suas na puist air beulaobh an teampuill, aon air an làimh dheis, agus aon air an làimh chli. Agus thug e Iachin mar ainm air a’ phost air an làimh dheis, agus Boas mar ainm air a’ phost air an làimh chli. CAIB. IV. AGUS rinn e altair umha: fichead làmh-choille a fad, agus fichead làmh-choille a leud, agus deich làmha-coille a h-airde. 2 Agus rinn e muir leaghta, deich làmha-coille o bhile gu bile, cruinn mu’n cuairt, agus cùig làmha-coille a h-airde; agus chuairtich snàthainn dheich làmha-coille thar fhichead i mu’n cuairt. 3 Agus fuidhe (2) bha coslas dhamh (3), a chuairtich i mu’n cuairt, deich anns an làmh-choille a’ dol mu thimchioll na mara mu’n cuairt. Thilgeadh dà shreath dhamh an uair a thilgeadh i féin. 4 Sheas i air dà dhamh dheug, tri ag amharc gu tuath, agus tri ag amharc an iar, agus tri ag amharc gu deas, agus tri ag amharc an ear: agus chuireadh a’ mhuir orra gu h-ard, agus bha a’ chuid-dheiridh dhiubh uile a stigh. 5 Agus bha leud boise air tiuighead innte, agus bha a bile air a dheanamh mar bhile copain, le blàthaibh lili: ghabh i agus chum i tri mìle (4) bat. 6 Agus rinn e deich soithichean-ionnlaid, agus chuir e cùig dhiubh air an làimh dheis, agus cùig air an làimh chli, a dh’ionnlad annta: nithe na h-ìobairt-loisgte nigh iad annta; ach bha a’ mhuir airson nan sagart, a dh’ionnlad innte. 7 Agus rinn e deich coinnleirean òir a réir an cumaidh, agus chuir e iad anns an teampull, cùig air an làimh dheis, agus cùig air an làimh chli. 8 Agus rinn e deich buird, agus chuir e iad anns an teampull, cùig air an làimh dheis, agus cùig air an làimh chli: agus rinn a ceud cuach òir. 9 Agus rinn e cùirt nan sagart, agus a’ chùirt mhòr, agus dorsan airson na cùirte, agus chòmhdaich e an dorsan thairis le h-umha. 10 Agus chuir e a’ mhuir air an taobh deas do’n cheann an ear, fa chomhair na h-airde deas. 11 Agus rinn Huram na h-aighnean (5), agus na sluasaidean, agus na cuachan, agus chuir Huram crìoch air deanamh na h-oibre a rinn e do righ Solamh ann an tigh Dhé: 12 Eadhon an dà phost, agus na cuairtean, agus na cinn a bh’ air mullach an dà phuist, agus an dà lìon-obair a chòmh- (1) ochd làmha-coille deug I. Righ. Caib. VII. r. 15. (2) fuidhpe, foipe. (3) mheall. I. Righ. Caib. VII. r. 24. (4) dà mhìle. I. Righ. Caib. VII. r. 26. (5) poitean. [TD 8] II. EACHDRAIDH. CAIB. V. dachadh dà chuairt nan ceann a bh’ air mullach nam post: 13 Agus ceithir cheud pomgranat do’n dà lìon-obair; dà shreath phomgranat do gach lìon-obair, a chòmhdachadh dà chuairt nan ceann, a bh’ air na puist. 14 Agus rinn e buinn, agus rinn e soithichean-ionnlaid air na buinn: 15 Aon mhuir, agus dà dhamh dheug fuidhe (1): 16 Agus na h-aighnean, agus na sluasaidean, agus na greimichean (2) feòla, agus an uidheam (3) uile rinn Huram (4) do righ Solamh ann an tigh an Tighearna do umha lìobhta. 17 Ann an còmhnard Iordain thilg an righ iad, anns an talamh chreadha (5), eadar Sucot agus Seredatah. 18 Agus rinn Solamh an t-uidheam so uile ann am mòr-phailteas; oir cha robh e comasach cothrom an umha fhaghail a mach. 19 Agus rinn Solamh an t-uidheam uile a bhuineadh do thigh Dhé, agus an altair òir, agus na buird air an robh aran na fianuis, 20 Agus na coinnleirean maille r’an lòchranaibh, chum gu’n loisgeadh iad a réir a’ ghnàtha air beulaobh a’ ghuth-àite, do òr fìor-ghlan; 21 Agus na blàthan, agus na lòchrain, agus na clobhachan do òr, eadhon do’n òr bu ghloine; 22 Agus na smàladairean, agus na cuachan, agus na spàinean, agus na tùiseirean, do òr fìor-ghlan; 23 Agus dol a steach an tighe, a dhorsan a b’ fhaide a stigh aig an ionad ro-naomha, agus dorsan tighe an teampuill, do òr. CAIB. V. AGUS chrìochnaicheadh an obair uile a rinn Solamh air son tighe an Tighearna: agus thug Solamh a stigh nithe naomhaichte Dhaibhidh athar: an t-airgiod, agus an t-òr, agus na h-innealan uile, chuir e am measg ionmhasan tighe Dhé. 2 An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan aithriche chloinn Israeil, gu h-Ierusalem, chum gu’n d’thugadh iad a nìos àirc coimhcheangail an Tighearna a baile Dhaibhidh, a’s e Sion. 3 Agus chruinnich fir Israeil uile iad féin a dh’ionnsuidh an righ air an fhéill [ann am mìos Etanim] is e sin (6) an seachdamh mìos. 4 Agus thàinig uile sheanairean Israeil, agus thog na Lebhithich an àirc. 5 Agus thug iad suas an àirc, agus pàilliun a’ choi’-thionail, agus na soithichean (7) naomh uile a bha sa’ phàilliun: thug na sagairt agus na Lebhithich iad sin suas. 6 Agus dh’ìobair righ Solamh, agus coi’-thional Israeil uile a chruinnich d’a ionnsuidh roimh an àirc, caoraich agus (1) fuidhpe, foipe. (2) gramuichean. (3) innealan. (4) Huram athair; Huram-abiu. Eabh. (5) chreudhaich. (6) Faic I. Righ. Caib. VIII. r. 2. (7) na h-innealan, an t-uidheam. [TD 9] II. EACHDRAIDH. CAIB. VI. crodh, nach robh e’n comas àireamh no mheas, a thaobh lìonmhoireachd. 7 Agus thug na sagairt a steach àirc coi’-cheangail an Tighearna d’a h-àite féin, do ghuth-àit an tighe, do’n ionad a’s ro-naomha, eadhon fuidh sgiathaibh nan cherub: 8 Oir sgaoil na cheruban a mach an sgiathan os cionn àite na h-àirce, agus chòmhdaich na cheruban an àirc agus a lunnan gu h-ard. 9. Agus tharruing iad a mach na lunnan, air chor as gu’m faicte cinn nan lunn o’n àirc fa chomhair a’ ghuth-àite, ach cha ’n fhaicte a mach iad: agus tha iad (1) an sin gus an la’n diugh. 10 Cha robh ni air bith anns an àirc ach an dà chlàr, a chuir Maois an sin ann an Horeb, an uair a rinn an Tighearna coi’-cheangal re cloinn Israeil, ag teachd a mach dhoibh as an Eiphit. 11 Agus an uair a thàinig na sagairt a mach as an ionad naomha (oir naomhaicheadh na sagairt uile a bha làthair: cha robh iad a’ feitheamh san àm sin a réir an roinnean (2)). 12 An sin bha na Lebhithich, an luchd-seinn, agus iad uile do Asaph, do Heman, do Iedutun, maille r’am macaibh agus am bràithribh, air dhoibh bhi air an sgeadachadh ann an lìon-eudach geal, le ciombalaibh, agus le saltairibh, agus le clàrsaichibh, ’nan seasamh aig a’ cheann an ear do’n altair, agus maille riu ceud agus fichead sagart a’ deanamh fuaim le trompaidibh. 13 Agus bha iad mar aon a’ deanamh fuaim le trompaidibh, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhi air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais do’n Tighearna. Ach an uair a thog iad suas an guth leis na trompaidibh, agus na ciombalaibh, agus na h-innealaibh ciuil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e maith, a chionn gu mair a thròcair gu bràth, an sin lìonadh an tigh le neul, tigh an Tighearna. 14 Agus cha b’urrainn na sagairt seasamh a fhrithealadh air sgàth an neoil: oir lìon glòir an Tighearna tigh Dhé. CAIB. VI. AN sin thubhairt Solamh, Thubhairt an Tighearna gu’n gabhadh e còmhnuidh ann an dorchadas tiugh. 2 Ach thog mise tigh-còmhnuidh dhuit, agus àite chum thu dh’fhantuinn ann gu bràth. 3 Agus thionndaidh an righ aghaidh, agus bheannaich e uile choi’-thional Israeil, (agus uile choi’-thional Israeil ’nan seasamh) 4 Agus thubhairt e, Gu ma beannuichte an Tighearna Dia Israeil, a choi’-lion le a làimh na labhair e le bheul re m’athair Daibhidh, ag ràdh, 5 O’n là air an d’thug mi mo shluagh a mach a tìr na h-Eiphit, cha do thagh mi baile (1) i. (2) a réir an seal. [TD 10] II. EACHDRAIDH. CAIB. VI. sam bith a uile threubhaibh Israeil a thogail tighe, chum gu’m biodh m’ainm an sin, agus cha do thagh mi duine sam bith gu bhi ’na uachdaran os cionn mo shluaigh Israeil. 6 Ach a nis thagh mi Ierusalem, a chum gu’m biodh m’ainm an sin, agus thagh mi Daibhidh gu bhi os cionn mo shluaigh Israeil. 7 Agus bha e ann an cridhe Dhaibhidh m’athar tigh a thogail do ainm an Tighearna Dé Israeil. 8 Agus thubhairt an Tighearna re Daibhidh m’athair, A chionn gu’n robh e ann ad chridhe tigh a thogail do m’ ainm-sa, is maith a rinn thu gu’n robh e ann do chridhe: 9 Gidheadh, cha tog thusa an tigh, ach do mhac a thig a mach as do leasraibh, togaidh esan an tigh do m’ainm-sa. 10 Agus choi’-lion an Tighearn fhocal a labhair e, agus dh’éirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athar, agus tha mi a’m’ shuidhe air righ-chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi an tigh do ainm an Tighearna Dé Israeil. 11 Agus shuidhich mi an sin an àirc, anns am bheil coi’-cheangal an Tighearna, a rinn e re cloinn Israeil. 12 Agus sheas e roimh altair an Tighearna, an làthair uile choi’-thionail Israeil, agus sgaoil e mach a làmhan. 13 (Oir rinn Solamh bonn umha, agus chuir se e ann am meadhon na cùirte, cùig làmha-coille air fad, agus cùig lamha-coille air leud, agus tri làmha-coille air airde; agus sheas e air, agus leig se e féin air a ghlùinibh an làthair coi’-thionail Israeil uile, agus sgaoil e mach a làmhan gu nèamh) 14 Agus thubhairt e, A Thighearna Dhé Israeil, cha ’n’eil Dia ann cosmhuil riutsa anns na nèamhaibh, no air an talamh, a chumas coi’-cheangal agus tròcair red’ sheirbhisich, a ghluaiseas a’d’ fhianuis le’n uile chridhe: 15 A chum re t’òglach Daibhidh m’athair an ni a labhair thu ris; oir labhair thu le d’ bheul, agus le d’ làimh choi’-lion thu, mar air an la’n diugh. 16 Anis uime sin, a Thighearna Dhé Israeil, cum re t’òglach Daibhidh m’athair an ni a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi duine dhìth ort a’m’ fhianuis-sa, a shuidheas air righ-chathair Israeil, ma choimhideas a mhàin do chlann an slighe, a ghluasad ann am lagh, mar a ghluais thusa a’m’ fhianuis. 17 Agus a nis, a Thighearna Dhé Israeil, daingnichear t’fhocal, a labhair thu re t’òglach Daibhidh. 18 Ach an gabh Dia d’a rìreadh còmhnuidh maille re daoinibh air an talamh? feuch, cha chum na nèamha agus nèamha nan nèamh thusa; cia is ro lugha na sin an tigh so a thog mise? 19 Gidheadh, amhairc air urnuigh do sheirbhisich, agus air athchuinge, a Thigearna [TD 11] II. EACHDRAIDH. CAIB. VI. mo Dhia, a dh’éisdeachd ris a’ ghlaodh agus ris an urnuigh, a tha do sheirbhiseach a’ deanamh a’t’fhianuis; 20 A chum gu’m bi do shùilean fosgailte ris an tigh so a dh’oidhche agus do là, eadhon ris an àite mu’n dubhairt thu gu’n cuireadh tu t’ainm an sin, a dh’éisdeachd ris an urnuigh, a ni do sheirbhiseach a dh’ionnsuidh an àite so. 21 Eisd air an aobhar sin re athchuinge do sheirbhisich, agus do shluaigh Israeil, an uair a ni iad urnuigh a dh’ionnsuidh an àite so; agus éisd thusa o t’àite-còmhnuidh, o na nèamhaibh, agus an uair a dh’éisdeas tu, maith dhoibh. 22 Ma pheacaicheas duine an aghaidh a choimhearsnaich, agus ma dh’iarras e mionnan air, a’ toirt air mionnachadh, agus gu’n d’thig na mionnan an làthair t’altarach anns an tigh so; 23 An sin éisd thusa o na nèamhaibh, agus dean, agus thoir breth air do sheirbhiseachaibh, ag ìocadh do’n aingidh, a’ toirt a shlighe air a cheann féin, agus a’ fìreanachadh an fhìrein, a’ tabhairt da a réir fhìreantachd. 24 Agus ma bhuailear do shluagh Israel an làthair an nàmhaid, a chionn gu’n do pheacaich iad a’t’ aghaidh, agus ma philleas iad agus gu’n aidich iad t’ainm, agus gu’n dean iad urnuigh agus gu’n guidh iad a’d’ làthair anns an tigh so; 25 An sin éisd thusa o na nèamhaibh, agus maith peacadh do shluaigh Israeil, agus thoir a rìs iad do’n fhearann a thug thu dhoibh féin agus d’an aithrichibh. 26 An uair a dhruidear na nèamha, agus nach bi uisge ann, a chionn gu’n do pheacaich iad a’t’ aghaidh-sa, agus a ni iad urnuigh a dh’ionnsuidh an àite so, agus a dh’aidicheas iad t’ainm, agus a dh’iompoichear iad o’m peacadh, an uair a chuireas tu fuidh àmhghar iad; 27 An sin éisd thusa o na nèamhaibh, agus maith peacadh do sheirbhiseach, agus do shluaigh Israeil, a chum as gu’n teagaisg thu dhoibh an t-slighe mhaith air an còir dhoibh gluasad, agus gu’n cuir thu uisge air an fhearann a thug thu do d’ shluagh mar oighreachd. 28 An uair a bhios gortadh anns an tìr, an uair a bhios plàigh ann, an uair a bhios seargadh ann, no fuar dhealt, locuist, no burruis; an uair a theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailte, ciod air bith plàigh, agus ciod air bith euslaint a bhios ann; 29 Ge b’e urnuigh, ge b’e athchuinge a chuirear suas le duine sam bith, no le d’ shluagh Israel uile, an uair a bhios fios aig gach aon air a phlàigh féin, agus a dhoilgheas féin, agus a sgaoileas e mach a làmhan a dh’ionnsuidh an tighe so; 30 An sin éisd thusa o na nèamhaibh, o t’àite-còmhnuidh, agus maith, agus thoir do gach duine a réir a shlighean uile, a tha fios agad air a chridhe (oir is ann agadsa, agadsa mhàin a tha fios air cridheachaibh chloinn nan daoine) 31 Achum gu’m bi eagal orra romhadsa, a ghluasad ann ad [TD 12] II. EACHDRAIDH. CAIB. VII. shlighibh rè an laithean uile bhios iad beo anns an tìr a thug thu d’ar n-aithrichibh. 32 Os bàrr, a thaobh a’ choigrich, nach ’eil do d’ shluagh Israel, ach a thig a tìr chéin air sgàth do mhòr ainme-sa, agus do làimhe làidir, agus do ghairdein sìnte mach, agus a thig agus a ni urnuigh anns an tigh so; 33 An sin éisd thusa o na nèamhaibh, o t’àite-còmhnuidh, agus dean a réir nan uile nithe mu’n glaodh an coigreach riut: a chum gu’m bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air t’ainm, agus gu’m bi eagal orra romhad, mar ata air do shluagh Israel, agus gu’m bi fios aca gu’n goirear t’ainm-sa air (1) an tigh so a thog mise. 34 An uair a théid do shluagh a mach a chogadh an aghaidh an naimhdean air an t-slighe air an cuir thu iad, agus a ni iad urnuigh riut a làimh (2) a’ bhaile (3) so a ròghnaich thusa, agus an tighe a thog mise do t’ainm; 35 An sin éisd thusa o na nèamhaibh r’an urnuigh agus r’an athchuinge, agus cum ceartas riu. 36 An uair a pheacaicheas iad a’t’ aghaidh, (oir cha ’n’eil duine ann nach peacaich,) agus a lasas t’fhearg ’nan aghaidh, agus a bheir thu thairis iad d’an naimhdibh, agus a bheir iad leo ’nam braighdibh iad do thìr am fad no am fagus; 37 Gidheadh ma thig iad gu inntinn cheart (4) anns an tìr d’an d’thugadh ’nam braighdibh iad, agus ma dh’iompoichear iad, agus ma ni iad urnuigh riut ann an tìr am braighdeanais, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h-eucorach, agus rinn sinn gu h-aingidh; 38 Ma philleas iad a’t’ ionnsuidh-sa le’n uile chridhe agus le’n uile anam, ann an tìr am braighdeanais, d’an d’thugadh iad ’nam braighdibh, agus ma ni iad urnuigh a làimh an tìre féin a thug thu d’an aithrichibh, agus a làimh a’ bhaile a ròghnaich thu, agus a làimh an tighe a thog mise do t’ainm; 39 An sin éisd thusa o na nèamhaibh, o t’àite-còmhnuidh, r’an urnuigh agus r’an athchuinge, agus cum ceartas riu, agus maith do d’ shluagh a pheacaich a’t’ aghaidh. 40 A nis, mo Dhia, bitheadh, guidheam ort, do shùilean fosgailte, agus thugadh do chluasan an aire do urnuigh an àite so. 41 Ach a nis éirich thusa, a Thighearna Dhé, do d’ àite suaimhneis, thu féin agus àirc do neirt. Bitheadh do shagairt, a Thighearna Dhé, air an sgeadachadh le slàinte, agus deanadh do naoimh gairdeachas ann am maitheas. 42 A Thighearna Dhé, na tionndaidh air falbh gnùis t’aoin ungta: cuimhnich tròcairean Dhaibhidh do sheirbhisich. CAIB. VII. AGUS an uair a chuir Solamh crìoch air urnuigh a dheanamh, thàinig an teine a nuas o nèamh, agus loisg e suas (1) gu’n ainmichear ortsa. (2) rathad. Eabh. (3) na cathrach. (4) ma philleas iad d’an cridhe. Eabh. [TD 13] II. EACHDRAIDH. CAIB. VII. an tabhartas-loisgte agus na h-ìobairtean; agus lìon glòir an Tighearna an tigh. 2 Agus cha b’urrainn na sagairt dol a steach do thigh an Tighearna, a chionn gu’n do lìon glòir an Tighearna, tigh an Tighearna. 3 Agus an uair a chunnaic clann Israeil uile mar a thàinig an teine nuas, agus glòir an Tighearna air an tigh, chrom siad iad féin le’n aghaidhibh chum na talmhainn air an urlar, agus rinn iad aoradh, agus mhol iad an Tighearn, a chionn gu bheil e maith, gu mair a thròcair gu bràth. 4 An sin dh’ìobair an righ agus an sluagh uile ìobairtean am fianuis an Tighearna. 5 Agus dh’ìobair righ Solamh mar ìobairt dà mhìle fichead bò, agus ceud agus fichead mìle caora: agus choisrig an righ agus an sluagh uile tigh Dhé. 6 Agus dh’fheith na sagairt air an dreuchd; na Lebhithich mar an ceudna le innealaibh-ciuil an Tighearna, a rinn Daibhidh an righ a mholadh an Tighearna, a chionn gu mair a thròcair gu bràth, an uair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh le’n làimh-san: agus shéid na sagairt trompaidean rompa, agus sheas Israel uile. 7 Agus naomhaich Solamh meadhon na cùirte a bha fa chomhair tighe an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairte-loisgte, agus saill nan tabhartas-sìth, a chionn nach b’urrainn an altair umha a rinn Solamh na h-ìobairtean-loisgte, agus na tabhartasa-bìdh, agus an t-saill, a ghabhail. 8 Agus chum Solamh anns an àm sin an fhéill seachd laithean, agus Israel uile maille ris, co’-chruinneachadh ro-mhòr, o dhol a stigh Hamait gu ruig abhuinn na h-Eiphit. 9 Agus air an ochdamh là chum iad ard choi’-thional; oir chum iad coisreagadh na h-altarach seachd laithean, agus an fhéill seachd laithean. 10 Agus air an treas la fichead do’n t-seachdamh mìos leig e an sluagh air falbh d’am bùthaibh, aoibhinn agus subhach ’nan cridhe airson a’ mhaitheis a nochd an Tighearna do Dhaibhidh, agus do Sholamh, agus do Israel a shluagh. 11 Agus chrìochnaich Solamh tigh an Tighearna, agus tigh an righ; agus gach ni a thàinig ann an cridhe Sholaimh a dheanamh ann an tigh an Tighearna, agus ’na thigh féin, shoirbhich leis ’na dheanamh. 12 Agus dh’fhoillsich an Tighearn e féin do Sholamh san oidhche, agus thubhairt e ris, Chuala mi t’urnuigh, agus thagh mi ’n t-aite so dhomh féin air son tighe ìobairte. 13 Ma dhruideas mi na nèamha, agus nach bi uisge ann, no ma dh’àithneas mi do na locuist am fearann itheadh suas, no ma chuireas mi plàigh am measg mo shluaigh; 14 Ma dh’irioslaicheas mo shluagh air an goirear (1) m’ainm iad féin, agus gu’n dean iad urnuigh, agus gu’n iarr iad mo ghnùis, agus gu’m pill iad o’n (1) gairmear. [TD 14] II. EACHDRAIDH. CAIB. VIII. droch shlighibh, an sin cluinnidh mise o na nèamhaibh, agus maithidh mi am peacadh, agus leighisidh mi am fearann. 15 Anis bithidh mo shùilean fosgailte, agus bheir mo chluasan an aire do urnuigh an àite so: 16 Oir a nis thagh mi agus naomhaich mi an tigh so, chum gu’m bi m’ainm an sin gu bràth; agus bithidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là. 17 Agus ma ghluaiseas tusa ann am fhianuis, mar a ghluais Daibhidh t’athair, agus ma ni thu a réir gach ni a dh’àithn mi dhuit, agus gu’n gléidh thu mo reachdan agus mo bhreitheanais, 18 An sin daingnichidh mise righ-chathair do rìoghachd, mar a rinn mi coi’-cheangal re Daibhidh t’athair, ag ràdh, Cha bhi duine dhìth ort gu bhi ’na uachdaran ann an Israel. 19 Ach ma thionndaidheas sibh uam, agus gu’n tréig sibh mo reachdan agus m’àitheantan a chuir mi roimhibh, agus gu’n d’théid sibh agus gu’n dean sibh seirbhis do dhéibh eile, agus gu’n sleuchd sibh dhoibh, 20 An sin spìonaidh mise sibh (1) as m’fhearann a thug mi dhuibh (2); agus an tigh so a naomhaich mi do m’ainm, tilgidh mi as mo shealladh, agus ni mi e ’na shamhladh (3) agus na leth-fhocal (4) am measg nan uile chinneach. 21 Agus an tigh so a bha co ard, bithidh iongantas air gach neach a théid seachad air, agus their e, C’ar son a rinn an Tighearna mar so ris an tìr so, agus ris an tigh so? 22 Agus freagrar (5), A chionn gu’n do thréig iad an Tighearna Dia an aithriche, a thug a mach iad a tìr na h-Eiphit, agus gu’n do ghabh iad d’an ionnsuidh (6) diathan eile, agus gu’n do shleuchd iad dhoibh, agus gu’n do rinn iad seirbhis dhoibh; uime sin thug e an t-olc so uile orra. CAIB. VIII. AGUS tharladh an ceann fhichead bliadhna, anns an do thog Solamh tigh an Tighearn agus a thigh féin, 2 Na bailtean a thug Huram do Sholamh, gu’n do thog Solamh iad, agus thug e air cloinn Israeil còmhnuidh a ghabhail an sin. 3 Agus chaidh Solamh gu Hamat-sobah, agus thug e buaidh air. 4 Agus thog e Tadmor anns an fhàsach, agus na bailtean ionmhais uile a thog e ann an Hamat. 5 Mar an ceudna thog e Bet-horon uachdarach, agus Bet-horon ìochdarach, bailte daingnichte, le ballaibh, geataibh agus crannaibh: 6 Agus Baalat, agus na h-uile bhailtean ionmhais a bha aig Solamh, agus uile bhailte nan carbad, agus bailtean a’ mharc-shluaigh, agus uile mhiann Sholaimh a mhiannaich e thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an uile thìr a thighearnais. (1) iad. (2) dhoibh. (3) ghnàth-fhocal. (4) bhall-magaidh. (5) their iad. Eabh. (6) gu’n d’rinn iad greim air. [TD 15] II. EACHDRAIDH. CAIB. IX. 7 A thaobh an t-sluaigh uile a dh’fhàgadh do na Hitich, agus do na h-Amoraich, agus do na Perisich, agus do na Hibhich, agus do na Iebusaich, nach robh do Israel, 8 D’an cloinn a dh’fhàgadh ’nan déigh anns an tìr, nach do sgrios clann Israeil, dhiubhsan thog Solamh cìs gus an la’n diugh. 9 Ach do chloinn Israeil cha d’rinn Solamh tràill sam bith air son oibre; oir bha iad ’nam fir-chogaidh, agus ’nan uachdaranaibh, agus ’nan ceannardaibh (1) aige, agus ’nan riaghlairibh a charbad agus a mharc-shluaigh. 10 Agus b’ iad so uachdarain an luchd-dreuchd a bha aig righ Solamh, dà cheud agus leth-cheud (2) a riaghail os cionn an t-sluaigh. 11 Agus thug Solamh suas nighean Pharaoih a baile Dhaibhidh a dh’ionnsuidh an tighe a thog e dh’i: oir thubhairt e, Cha ghabh mo bhean-sa còmhnuidh ann an tigh Dhaibhidh righ Israeil; oir is naomha na h-àitean, d’an d’thàinig àirc an Tighearna steach. 12 An sin dh’ìobair Solamh ìobairte-loisgte do’n Tighearna, air altair an Tighearna, a thog e fa chomhair an sgàth-thighe; 13 A dhlighe féin air gach là, ag ìobradh a réir àithne Mhaois air na sàbaidibh, agus air na gealaichibh nomha, agus air na féillibh (3) sònraichte, tri uairean sa’ bhliadhna, air féill an arain neo-ghoirtichte, agus air féill nan seachduin, agus air féill nam pàilliun. 14 Agus shuidhich e, a réir riaghailt Dhaibhidh athar, roinnean nan sagart chum an seirbhis, agus na Lebhithich chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianuis nan sagart, a réir dlighe gach là, agus na dorsairean a réir an roinnean aig gach geatadh: oir mar sin dh’àithn Daibhidh òglach Dhé. 15 Agus cha do chlaon iad o àithne an righ mu na sagairt agus na Lebhithich, a thaobh ni air bith, no thaobh nan ionmhas. 16 Agus dheasaicheadh obair Sholaimh uile gu ruig an là anns an do leagadh bunait (4) tighe an Tighearna, agus gus an do chrìochnaicheadh e. Mar sin rinneadh tigh an Tighearna gu h-iomlan. 17 An sin chaidh Solamh gu h-Esion-geber, agus gu h-Elot, air taobh na mara ann an tìr Edoim. 18 Agus chuir Huram d’a ionnsuidh le làimh a sheirbhiseach longa, agus seirbhisich aig an robh eòlas na fairge, agus chaidh iad maille re seirbhisich Sholaimh gu h-Ophir, agus thug iad as sin ceithir cheud agus leth-cheud tàlann òir, agus thug iad gu righ Solamh iad. CAIB. IX. AGUS an uair a chuala ban-righinn Sheba cliù Sholaimh, thàinig i a dhearbhadh Sholaimh le ceisdibh cruaidhe gu h-Ierusalem, le cuideachd (1) I. Righ. Caib. ix. r. 22. (2) cùig ceud agus leth-cheud. I. Righ. Caib. ix. r. 23. (3) féisdibh. (4) stéidh. [TD 16] II. EACHDRAIDH. CAIB. IX. ro-mhòir, agus le càmhalaibh a’ giùlan spìosraidh agus òir ann am pailteas, agus chlacha luachmhar: agus an uair a thàinig i dh’ionnsuidh Sholaimh, labhair i ris gach ni a bha ’na cridhe. 2 Agus fhreagair (1) Solamh dh’i a ceisdean (2) uile; agus cha robh ni air bith am folach air Solamh nach d’innis e dh’i. 3 Agus an uair a chunnaic ban-righinn Sheba gliocas Sholaimh, agus an tigh a thog e, 4 Agus biadh a bhuird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd-frithealaidh agus an truscan, agus a ghillean-cupain agus an truscan, agus a dhol-suas air an deachaidh e suas gu (3) tigh an Tighearna, cha robh spiorad innte ni’s mò. 5 Agus thubhairt i ris an righ, B’fhìor an t-iomradh a chuala mi ann am thìr féin, air do ghnìomharaibh, agus air do ghliocas. 6 Gidheadh cha do chreid mi am briathra, gus an d’thàinig mi, agus gu’m faca mo shùilean; agus feuch, cha d’innseadh dhomh leth meud do ghliocais: chaidh thu thar an iomradh a chuala mi. 7 Is sona do dhaoine, agus is sona iad so do sheirbhisich, a sheasas a’t’fhianuis an còmhnuidh, agus a chluinneas do ghliocas. 8 Gu ma beannuichte an Tighearna do Dhia a ghabh tlachd annad gu d’ chur air a righ-chathair, gu bhi d’ righ air son an Tighearna do Dhé: a chionn gu’n do ghràdhaich do Dhia Israel, chum an daingneachadh gu bràth, uime sin rinn e thusa a’d’ righ os an ceann, a dheanamh breitheanais agus ceartais. 9 Agus thug i do’n righ ceud agus fichead tàlann òir, agus ro-mhòran do spìosraidh, agus clacha luachmhor: Agus cha robh riamh a leithid so do spìosraidh, as a thug ban-righinn Sheba do righ Solamh. 10 Agus mar an ceudna thug seirbhisich Huraim, agus seirbhisich Sholaimh, a thug òr o Ophir, fiodh alguim (4) leo, agus clacha luachmhor. 11 Agus rinn an righ do’n fhiodh alguim staidhrichean (5) do thigh an Tighearna agus do thigh an righ, agus clàrsaichean agus saltairean do’n luchd-ciuil: agus cha n’fhacas an leithid roimhe ann an tìr Iudah. 12 Agus thug righ Solamh do bhan-righinn Sheba a h-uile mhiann a dh’iarr i, a thuilleadh air na thug i dh’ionnsuidh an righ (6): agus thionndaidh i agus dh’imich i d’a tìr, i féin agus a seirbhisich. 13 Anis b’e cothrom an òir a thàinig a dh’ionnsuidh Sholaimh ann an aon bhliadhna, sè ceud agus tri fichead agus sè tàlannan òir: 14 A thuilleadh air na thug na ceannaichean agus an luchd malairt, agus uile righrean Arabia, agus uachdarain na tìre; (1) dh’fhuasgail, mhìnich. (2) briathran. Eabh. (3) na h-ìobairte-loisgte a dh’ìobair e ann. (4) almuig. I. Righ. Caib. x. r. 11. (5) ard-shlighean. (6) a thuilleadh air na thug an righ dh’i d’a fhiallaidheachd féin. I. Righ. Caib. x. r. 13. [TD 17] II. EACHDRAIDH. CAIB. IX. a thug òr agus airgiod a dh’ionnsuidh Sholaimh (1). 15 Agus rinn righ Solamh dà cheud sgiath do òr buailte: chaidh sè ceud secel do òr buailte chum gach sgéithe. 16 Agus rinn e tri cheud targaid do òr buailte: chaidh tri cheud secel òir chum gach targaide: agus chuir an righ iad ann an tigh frìthe Lebanoin. 17 Rinn an righ mar an ceudna righ-chathair mhòr do fhiaclaibh elephant, agus chòmhdaich e i leis an òr bu ghloine. 18 Agus bha sè ceuman aig an righ-chathair agus cos-stòl òir, air an tàthadh ris an righ-chathair, agus làmhan air gach taobh do’n àite-shuidhe, agus dà leòmhan a’ seasamh làimh ris na làmhan. 19 Agus sheas dà leòmhan dheug an sin air na sè ceumaibh, air an taobh so agus air an taobh ud. Cha d’rinneadh a leithid ann an rìoghachd air bith eile. 20 Agus bha uile shoithichean òil righ Solaimh do òr, agus uile shoithiche tighe frithe Lebanoin do òr fior-ghlan: cha robh meas do airgiod ann an laithibh Sholaimh chum ni sam bith. 21 Oir chaidh loingeas an righ gu Tarsis maille re seirbhisich Huraim: aon uair anns na tri bliadhnaibh thàinig loingeas Tharsis a’ giùlan òir agus airgid, fhiacal elephant, agus apa, agus pheucag. 22 Agus thug righ Solamh barrachd air uile righibh an domhain ann an saibhreas agus gliocas. 23 Agus dh’iarr uile righre na talmhainn teachd an làthair Sholaimh, a chluinntinn a’ ghliocais a chuir Dia ’na chridhe. 24 Agus thug iad leo gach fear a thiodhlacadh, soithichean airgid, agus soithichean òir, agus truscana, agus airm, agus spìosraidh, agus eich, agus muileidean, cuibhrionn bliadhna anns gach bliadhna. 25 Agus bha aig Solamh ceithir mìle prasach each air son a charbad (2), agus dà mhìle dheug marcach, a chuir e mach ann am bailtibh nan carbad, agus maille ris an righ ann an Ierusalem. 26 Agus rìoghaich e os cionn nan righ uile, o’n abhuinn gu ruig tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h-Eiphit. 27 Agus thug an righ air airgiod a bhi ann an Ierusalem mar chlachan, agus air na crannaibh seudair thug e bhi mar na croinn shicomoir, a tha anns an t-srath, air lìonmhoireachd. 28 Agus thugadh eich a dh’ionnsuidh Sholaimh as an Eiphit, agus as gach uile thìr. 29 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Sholaimh, an toiseach agus mu dheireadh (3), nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar Natain an fhàidh, agus ann am fàidheadoireachd Ahiah an t-Silonaich, agus ann an seallannaibh Ido an fhir-sheallaidh an aghaidh Ieroboaim mhic Nebait? 30 Agus rìoghaich Solamh ann an Ierusalem os cionn Israeil uile, dà fhichead bliadhna. (1) Faic I. Righ. Caib. x. r. 15. (2) I. Righ. Caib. iv. r. 26. (3) o thoiseach gu deireadh. [TD 18] II. EACHDRAIDH. CAIB. X. 31 Agus choidil Solamh maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh athar: agus rìoghaich Rehoboam a mhac ’na àite. CAIB. X. AGUS chaidh Rehoboam do Shechem: oir thàinig Israel uile do Shechem g’a dheanamh ’na righ. 2 Agus an uair a chuala Ieroboam mac Nebait sin, a bha anns an Eiphit, far an do theich e o ghnùis righ Solaimh, phill Ieroboam as an Eiphit. 3 Agus chuir iad fios, agus ghairm iad e: agus thàinig Ieroboam agus Israel uile, agus labhair iad re Rehoboam, ag ràdh, 4 Dh’antromaich t’athair ar cuing-ne, ach eutromaich thus anis seirbhis chruaidh t’athar, agus a chuing throm a chuir e oirn, agus ni sinn seirbhis dhuit. 5 Agus thubhairt e riu, An ceann thri laithean thigibh a rìs am’ ionnsuidh. Agus dh’fhalbh an sluagh. 6 Agus chuir righ Rehoboam a chomhairle ris na seann daoinibh a sheas an làthair Sholaimh athar, an uair bu bheò e, ag ràdh, Cionnus a chomhairlicheas sibh dhomh freagradh a thabhairt do’n t-sluagh so? 7 Agus labhair iadsan ris, ag ràdh, Ma bhios tusa caoimhneil ris an t-sluagh so, agus gu’n toilich thu iad, agus gu’n labhair thu riu briathra maithe, bithidh iadsan agadsa ’nan seirbhisich gu bràth. 8 Ach thréig esan comhairle nan seann daoine, a thug iad air; agus chuir e chomhairle ris na daoinibh òga a dh’fhàs suas maille ris féin, agus a sheas ’na làthair. 9 Agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibhse a’ comhairleachadh, a chum as gu’n d’thoir sinn freagradh do’n t-sluagh so, a labhair rium, ag ràdh, Eutromaich a’ chuing a chuir t’athair oirn? 10 Agus labhair na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris féin ris, ag ràdh, Mar so their thu ris an t-sluagh a labhair riut, ag ràdh, Dh’antromaich t’athair ar cuing-ne, ach eutromaich thusa dhuinn i; mar so their thu riu, Is gairbhe mo lùghdag-sa na leasraidh m’athar. 11 Agus a nis chuir m’athair gun amharus oirbh cuing throm, ach cuiridh mise re bhur cuing: smachdaich m’athair sibh le slataibh, ach smachdaichidh mise sibh, le scorpionaibh. 12 Agus thàinig Ieroboam agus an sluagh uile gu Rehoboam air an treas là, mar a dh’àithn an righ, ag ràdh, Thigibh a rìs am’ ionnsuidh air an treas là. 13 Agus fhreagair an righ iad gu garbh, agus thréig righ Rehoboam comhairle nan seann daoine. 14 Agus labhair e riu a réir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair bhur cuing, ach cuiridh mise rithe; smachdaich m’athair sibh le slataibh, ach smachdaichidh mise sibh le scorpionaibh. 15 Mar so cha d’éisd an righ ris an t-sluagh; oir bha’n t-aobhar o Dhia, chum gu’n coimh-lionadh an Tighearn fhocal féin, a labhair e le làimh Ahiah an [TD 19] II. EACHDRAIDH. CAIB. XI. t-Silonaich re Ieroboam mac Nebait. 16 Agus an uair a chunnaic Israel uile nach d’éisd an righ riu, fhreagair an sluagh an righ, ag ràdh, Ciod a’ chuibhrionn a th’againne ann an (1) Daibhidh? agus cha ’n’eil oighreachd againn ann am mac Iese: gach fear do d’ bhùthaibh, O Israel; a nis thoir an aire (2) air do thigh féin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel uile d’am bùthaibh. 17 Ach a thaobh chloinn Israeil a bha chòmhnuidh ann am bailtibh Iudah, rìoghaich Rehoboam os an cionn. 18 An sin chuir righ Rehohoam Adoram a bha os cionn na cìse d’an ionnsuidh; agus chlach clann Israeil e le clachaibh, agus fhuair e bàs: agus rinn Rehoboam cabhag gu dol suas d’a charbad, chum as gu’n teicheadh e do h-Ierusalem. 19 Agus rinn Israel ceannairc an aghaidh tighe Dhaibhidh gus an la’n diugh. CAIB. XI. AGUS an uair a thàinig Rehoboam gu h-Ierusalem, chruinnich e do thigh Iudah agus Bheniamin, ceud agus ceithir fichead mìle fear taghta, deanta re cogadh, a chogadh an aghaidh Israeil, a chum an rìoghachd a thoirt a rìs gu Rehoboam. 2 Ach thàinig focal an Tighearna gu Semaiah òglach (3) Dhé, ag ràdh, 3 Labhair re Rehoboam, mac Sholaimh, righ Iudah, agus re h-Israel uile ann an Iudah agus ann am Beniamin, ag ràdh, 4 Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Cha d’théid sibh suas, agus cha chog (4) sibh re’r bràithribh: pillibh, gach fear a dh’ionnsuidh a thighe; oir leamsa rinneadh an ni so. Agus dh’éisd iad re briathraibh an Tighearna, agus phill iad o dhol an aghaidh Ieroboaim. 5 Agus ghabh Rehoboam còmhnuidh ann an Ierusalem, agus thog e bailte daingnichte ann an Iudah: 6 Thog e eadhon Bet-lehem, agus Etam, agus Tecoa, 7 Agus Bet-sur, agus Socho, agus Adullam, 8 Agus Gat, agus Maresah, agus Siph, 9 Agus Adoraim, agus Lachis, agus Asecah, 10 Agus Sorah, agus Aialon, agus Hebron; a tha ann an Iudah, agus ann am Beniamin, ’nam bailtibh daingnichte. 11 Agus neartaich e na daingnichean, agus chuir e ceannardan annta, agus taisgeacha bìdh, agus olaidh, agus fìona. 12 Agus anns gach baile (5) fa, leth chuir e sgiathan agus sleaghan, agus rinn e ro-làidir iad; oir bha Iudah agus Beniamin aige air a thaobh. 13 Agus thàinig na sagairt agus na Lebhithich, a bha ann an Israel uile, d’a ionnsuidh as an crìochaibh uile: 14 (Oir dh’fhàg na Lebhithich am fo-bhailtean (6), agus an sealbh, agus thàinig iad gu Iudah agus gu h-Ierusalem; a (1) maille re. (2) seall. (3) duine. Eabh. (4) chòmhraig. (5) cathair. (6) dlù-bhailtean, fearann comh-roinn; suburbs. Sasg. [TD 20] II. EACHDRAIDH. CAIB. XII. chionn gu’n do chuir Ieroboam agus a mhic iad o fhrithealadh ann an dreuchd nan sagart do’n Tighearna. 15 Agus rinn e dha féin sagairt air son nan àit ard, agus air son dhiabhol, agus air son nan laogh a rinn e) 16 Agus ’nan déigh-san thàinig a mach as uile threubhaibh Israeil iadsan a shocraich an cridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dé Israeil, gu h-Ierusalem a dh’ìobradh do’n Tighearna Dia an aithriche. 17 Agus dhaingnich iad rìoghachd Iudah, agus rinn iad Rehoboam mac Sholaimh làidir rè thri bliadhna; oir rè thri bliadhna ghluais iad ann an slighe Dhaibhidh agus Sholaimh. 18 Agus ghabh Rehoboam Mahalat nighean Ierimoit, mhic Dhaibhidh, dha féin mar mhnaoi; Abihail mar an ceudna, nighean Eliaib, mhic Iese: 19 Agus rug ise dha clann; Ieus, agus Semariah, agus Saham. 20 Agus ’na déigh-san ghabh e Maachah, nighean Absaloim, a rug dha Abiah, agus Atai, agus Sisa, agus Selomit. 21 Agus ghràdhaich Rehoboam Maachah, nighean Absaloim, os cionn a bhan agus a choimhleabaichean uile; (oir ghabh e dha féin ochd mnài dheug, agus tri fichead coimhleabach, agus ghin e ochd mic fhichead, agus tri fichead nighean) 22 Agus rinn Rehoboam ’na cheannard Abiah, mac Mhaachah, gu bhi ’na riaghlair am measg a bhràithre; oir smuainich e air a dheanamh ’na righ. 23 Agus rinn e gu glic, agus sgaoil e a’ chuid eile d’a mhacaibh uile air feadh uile thìre Iudah agus Bheniamin, anns na bailtibh daingnichte uile, agus thug e dhoibh pailteas bìdh: agus dh’iarr e mòran bhan. CAIB. XII. AGUS an uair a dhaingnicheadh rìoghachd Rehoboaim, agus a dh’fhàs e cumhachdach (1), thréig e lagh an Tighearna, agus Israel uile maille ris. 2 Agus anns a’ chùigeadh bliadhna do righ Rehoboam, thàinig Sisac righ na h-Eiphit a nìos an aghaidh Ierusaleim (a chionn gu’n do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna) 3 Le mìle agus da cheud carbad, agus le tri fichead mìle marcach: agus bha ’n sluagh gun àireamh a thàinig maille ris as an Eiphit; na Lùbaich, na Sucaich, agus na h-Etiopaich. 4 Agus ghlac e na bailte daingnichte a bhuineadh do Iudah, agus thàinig e gu h-Ierusalem. 5 An sin thàinig Semaiah am fàidh gu Rehoboam agus gu h-uachdaranaibh Iudah, a bha air cruinneachadh gu h-Ierusalem air eagal Shisaic, agus thubhairt e riu, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Dh’fhàg (2) sibhse mise, agus air an aobhar sin dh’fhàg mise sibhse ann an làimh Shisaic. 6 An sin dh’irioslaich uachdarain Israeil agus an righ iad (1) neartaich se e féin. (2) Thréig. [TD 21] II. EACHDRAIDH. CAIB. XIII. féin, agus thubhairt iad, Tha’n Tighearna ceart. 7 Agus an uair a chunnaic an Tighearn gu’n d’irioslaich siad iad féin, thàinig focal an Tighearna gu Semaiah, ag radh, Dh’irioslaich siad iad féin; cha sgrios mi iad, ach bheir mi dhoibh càil-eigin do shaorsadh, agus cha taomar mo chorruich amach air Ierusalem le làimh Shisaic. 8 Gidheadh, bithidh iad ’nan seirbhisich aige, agus bithidh aithne aca air mo sheirbhis-sa, agus air seirbhis rìoghachda nan dùchanna. 9 Uime sin thàinig Sisac righ na h-Eiphit a nìos an aghaidh Ierusaleim, agus thug e leis ionmhais tighe an Tighearna, agus ionmhais tighe an righ; bhuin e leis an t-iomlan: thug e leis mar an ceudna na targaidean òir a rinn Solamh. 10 Agus rinn righ Rehoboam targaidean umha ’nan àit, agus thug e thairis iad do làimh cheannard an fhreiceadain, a ghléidh dorus tighe an righ. 11 Agus an uair a chaidh an righ a steach do thigh an Tighearna, thàinig am freiceadan agus thog siad iad, agus thug iad air an ais iad gu seòmar an fhreiceadain. 12 Agus an uair a dh’irioslaich se e féin, thionndaidh corruich an Tighearna uaith, chum nach sgriosadh se e gu tur. Agus mar an ceudna ann an Iudah bha nithe gu maith. 13 Agus dhaingnich righ Rehoboam e féin ann an Ierusalem, agus rìoghaich e. A nis bha Rehoboam aon agus dà fhichead bliadhna dh’aois an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e seachd bliadhna deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearn a mach as uile threubhaibh Israeil a chur ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Naamah, Ban-amonach. 14 Agus rinn e olc, a chionn nach d’ulluich e a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna. 15 Anis gnìomhara Rehoboaim, an toiseach agus mu dheireadh, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar Shemaiah an fhàidh, agus Ido an fhir-sheallaidh, mu thimchioll ghinealach? Agus bha cogadh eadar Rehoboam agus Ieroboam rè an laithean uile. 16 Agus choidil Rehoboam maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh. Agus rìoghaich Abiah a mhac ’na àit. CAIB. XIII. ANIS anns an ochdamh bliadhna deug do righ Ieroboam, thòisich Abiah (1) air rìoghachadh os cionn Iudah. 2 Tri bliadhna rìoghaich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah, nighean [Abisaloim, mhic] Urieil o Ghibeah (2). Agus bha cogadh eadar Abiah agus Ieroboam. 3 Agus chuir Abiah an cath an ordugh le armailt do dhaoinibh treun ann an cogadh, ceithir cheud mìle fear taghta: agus chuir Ieroboam an cath an ordugh ’na aghaidh le ochd ceud mìle fear taghta, daoine treun gaisgeil. (1) Abiam. I. Righ. Caib. XV. r. 1. (2) Faic. I. Righ. Caib. XV. r. 2. [TD 22] II. EACHDRAIDH. CAIB. XIII. 4 Agus sheas Abiah suas air sliabh Shemaraim, a tha ann an sliabh Ephraim, agus thubhairt e, Eisdibh rium, a Ieroboam, agus Israel uile. 5 Nach bu chòir dhuibhse fios a bhi agaibh gu’n d’thug an Tighearna Dia Israeil an rìoghachd os cionn Israeil thairis do Dhaibhidh gu bràth, eadhon dha-san agus d’a mhacaibh le coi’-cheangal salainn? 6 Gidheadh, dh’éirich Ieroboam, mac Nebait, seirbhiseach Sholaimh mhic Dhaibhidh suas, agus rinn e ceannairc an aghaidh a thighearna; 7 Agus chruinnich d’a ionnsuidh daoine faoine, mic Bheliail, agus neartaich siad iad féin an aghaidh Rehoboaim, mhic Sholaimh, ’nuair a bha Rehoboam òg agus tais-chridheach (1), agus nach b’ urrainn e cur ’nan aghaidh. 8 Agus a nis tha sibh a’ smuaineachadh air cur an aghaidh rìoghachd an Tighearna ann an làimh mhac Dhaibhidh, agus tha sibh ’nar (2) sluagh mòr, agus tha agaibh laoigh òir, a rinn Ieroboam dhuibh mar dhée. 9 Nach do thilg sibh a mach sagartan an Tighearna, mic Aaroin, agus na Lebhithich, agus nach d’rinn sibh dhuibh féin sagarta mar chinnich eile an domhain? Gach neach a thig g’a choisreagadh féin le tarbh òg agus le seachd reitheachaibh, bithidh esan air ball ’na shagart dhoibhsan nach ’eil ’nan déibh. 10 Ach d’ar taobh-ne, is e ’n Tighearn ar Dia, agus cha do thréig sinn e: agus is iad mic Aaroin na sagairt a tha frithealadh do’n Tighearn, agus tha na Lebhithich a’ feitheamh air an obair féin. 11 Agus tha iad a’ losgadh do’n Tighearn ìobairte-loisgte air gach maduinn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianuis air a’ bhord fhìor-ghlan, agus an coinnleir òir maille r’a lòchranaibh a lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùraim an Tighearn ar Dé; ach thréig sibhse e. 12 Agus feuch, maile ruinne tha Dia féin ’na cheannard oirn, agus a shagairt le trompaidibh fuaimneach a thoirt caismeachd ’nar (2) n-aghaidh-sa. A chlann Israeil, na cogaibhse an aghaidh an Tighearna Dé bhur n-aithriche; oir cha soirbhich sibh. 13 Ach thug Ierobam air luchd feall-fholaich (3) teachd mu’n cuairt air an cùlaobh, air chor as gu robh iad féin fa chomhair Iudah, agus an luchd feall-fholaich air an cùlaobh. 14 Agus an uair a sheall Iudah ’nan déigh, feuch, bha’n cath air am beulaobh agus air an cùlaobh: agus ghlaodh iad ris an Tighearn, agus rinn na sagairt fuaim le trompaidibh. 15 Agus rinn fir Iudah gàir: agus an uair a rinn fir Iudah gàir, air ball bhuail Dia Ieroboam agus Israel uile roimh Abiah agus Iudah. 16 Agus theich clann Israeil roimh Iudah, agus thug Dia thairis iad ’nan làimh. 17 Agus mharbh Abiah agus a shluagh iad le h-àr mòr; oir thuit sìos marbhta do Israel, cùig ceud mìle fear taghta. (1) maoth-chridheach. (2) ann bhur. (3) plaid-luidhe. [TD 23] II. EACHDRAIDH. CAIB. XIV. 18 Agus dh’irioslaicheadh clann Israeil air an àm sin, ach neartaicheadh (1) clann Iudah, a chionn gu’n d’earb iad as an Tighearna Dia an aithriche. 19 Agus lean Abiah an ruaig air Ieroboam, agus ghlac e uaith mòr-bhailte (2); Bet-el le bhailtibh beaga, agus Iesanah le bhailtibh beaga, agus Ephron le bhailtibh beaga. 20 Agus cha d’fhuair Ieroboam neart n’is mò ann an laithibh Abiah: agus bhuail an Tighearn e, agus fhuair e bàs. 21 Ach dh’fhàs Abiah cumhachdach, agus phòs e (3) ceithir mnài dheug, agus ghin e dà mhac thar fhichead, agus sè nigheana deug. 22 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Abiah, agus a shlighean, agus a bhriathra, tha iad scrìobhta ann an eachdraidh an fhàidh Ido. CAIB. XIV. AGUS choidil Abiah maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh; agus rìoghaich Asa a mhac ’na àit. ’Na laithibh-san bha’n tìr sàmhach (4) deich bliadhna. 2 Agus rinn Asa an ni a bha maith agus ceart ann an sùilibh an Tighearna a Dhé: 3 Oir chuir e air falbh altairean nan dée coimheach, agus na h-àitean arda, agus bhris e sìos na dealbhan, agus ghearr e sìos na doireachan, 4 Agus dh’àithn e do Iudah an Tighearna Dia an aithriche iarraidh, agus an lagh a ghleidheadh (5), agus an àithne. 5 Chuir e air falbh mar an ceudna as uile bhailtibh Iudah, na h-àitean arda agus na dealbhan (6). Agus bha ’n rìoghachd sàmhach ’na làthair. 6 Agus thog e bailte daingnichte ann an Iudah: oir bha’n tìr sìochail, agus cha robh cogadh aige anns na bliadhnaibh sin; oir thug an Tighearna fois da. 7 Uime sin thubhairt e re Iudah, Togamaid na bailte so, agus deanamaid mu’n cuairt orra ballachan, le tùraibh, geatachaibh agus crannaibh, an uair a tha’n tìr fathast romhainn: oir dh’iarr sinne an Tighearn ar Dia; dh’iarr sinn e, agus thug e fois dhuinn air gach taobh. Uime sin thog iad, agus shoirbhich leo. 8 Agus bha aig Asa armailt do dhaoinibh a dh’iomchair sgiath agus sleagh, as Iudah tri cheud mìle, agus a Beniamin a dh’iomchair targaid agus a tharruing bogha, dà cheud agus ceithir fichead mìle; iad sin uile ’nan daoinibh treun gaisgeil. 9 Agus thàinig a mach ’nan aghaidh Serah an t-Etiopach le armailt mìle do mhìltibh, agus tri cheud carbad, agus thàinig e gu Maresah. 10 Agus chaidh Asa mach ’na aghaidh, agus chuir iad an cath an ordugh ann an gleann Shephatah aig Maresah. 11 Agus ghlaodh Asa ris an Tighearn a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, cha n’eil ann ach an aon chuid duitse cuideachadh le mòran, no leo-san a (1) bhuadhaich. (2) caithriche. (3) ghabh e d’a ionnsuidh. Eabh. (4) aig fois. (5) a dheanamh. Eabh. (6) grian-riochdan. [TD 24] II. EACHDRAIDH. CAIB. XV. ta gun neart: cuidich leinne, a Thighearn, ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa théid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd so: a Thighearna, is tusa ar Dia; na buadhaicheadh duine a’t’aghaidh. 2 Agus bhuail an Tighearna na h-Etiopaich roimh Asa, agus roimh Iudah; agus theich na h-Etiopaich. 13 Agus lean Asa agus an sluagh a bha maille ris iad gu Gerar: agus thuit do na h-Etiopaich uiread (1) as nach robh tuilleadh neirt aca (2); oir sgriosadh iad roimh an Tighearn agus roimh fheachd: agus thug iad leo ro-mhòran creiche. 14 Agus bhuail iad na bailtean uile mu’n cuairt air Gerar, oir bha eagal an Tighearna orra: agus chreach iad na bailtean uile, oir bha mòran creiche annta. 15 Agus bhuail iad mar an ceudna bùthan na spréidh, agus thug iad leo caoraich ann am pailteas, agus càmhail; agus phill iad gu h-Ierusalem. CAIB. XV. AGUS thàinig spiorad Dhé air Asariah mac Odeid. 2 Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iudah uile, agus a Bheniamin, Tha’n Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e; ach ma thréigeas sibhse esan, tréigidh esan sibhse. 3 Anis rè iomadh la bithidh Israel as eugmhais Dhé na firinn, agus as eugmhais sagairt a theagaisgeas, agus as eugmhais lagha. 4 Ach an uair a philleas iad ’nan airc a dh’ionnsuidh an Tighearna Dé Israeil, agus a dh’iarras iad e, gheibhear leo e. 5 Agus anns na h-amannaibh sin cha bhi sìth ann dha-san a théid a mach, no dha-san a thig a steach, ach buaireas (3) mòr air uile luchd-àiteachaidh nan dùchanna. 6 Agus sgriosar cinneach le cinneach, agus baile le baile; oir claoidhidh Dia iad leis gach airc. 7 Ach bithibhse làidir, agus na biodh bhur làmha lag; oir tha duais ann air son bhur n-oibre. 8 Agus an uair a chual Asa na briathra sin, agus fàidheadaireachd [Asariah mhic] Odeid an fhàidh, ghabh e misneach, agus chuir e air falbh na h-ìodhola gràineil a tìr Iudah agus Bheniamin uile, agus as na bailtibh a ghlac e do shliabh Ephraim, agus dh’athnuadhaich e altair an Tighearna, a bha air beulaobh sgàth-thighe an Tighearna. 9 Agus chruinnich e Iudah uile agus Beniamin, agus na coigrich maille riu a h-Ephraim, agus a Manaseh, agus a Simeon; oir thàinig iad thairis d’a ionnsuidh a h-Israel ann am pailteas, an uair a chunnaic iad gu’n robh an Tighearn a Dhia maille ris. 10 Agus chruinnich iad an cionn a chéile aig Ierusalem anns an treas mìos, anns a’ chùigeadh bliadhna deug do rìoghachadh Asa. 11 Agus dh’ìobair iad do’n (1) oiread. Eir. (2) nach robh a’ bheag beò dhiubh. (3) tuairgne, cràdh-shlat. [TD 25] II. EACHDRAIDH. CAIB. XVI. Tighearna san àm sin do’n chreich a thug iad leo, seachd ceud bò, agus seachd mìle caora. 12 Agus rinn iad coi’-cheangal gu’n iarradh iad an Tighearna Dia an aithriche le’n uile chridhe, agus le’n uile anam; 13 Agus gu’n rachadh gach neach nach iarradh an Tighearna Dia Israeil, a chur gu bàs, co dhiubh bu bheag no mòr, fear no bean e. 14 Agus mhionnaich iad do’n Tighearna le guth ard, agus le gàir, agus le trompaidibh, agus le buabhullaibh. 15 Agus rinn Iudah uile gairdeachas a thaobh nam mionna sin: oir mhionnaich iad le’n uile chridhe, agus dh’iarr iad e le’n uile rùn, agus fhuaradh e leo. Agus thug an Tighearna fois dhoibh air gach taobh. 16 Agus mar an ceudna thaobh Mhaachah màthar righ Asa, chuir e i o bhi ’na ban-righinn, a chionn gu’n d’rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus ghearr Asa sìos a dealbh uamhasach, agus mhìn-phronn se e, agus loisg se e aig sruth Chidroin. 17 Ach cha do chuireadh na h-àitean arda air falbh a h-Israel: gidheadh, bha cridhe Asa iomlan rè a laithean uile. 18 Agus thug e steach na nithean a naomhaich athair, agus na nithean a naomhaich e féin, do thigh an Tighearna, airgiod agus òr, agus soithichean. 19 Agus cha robh cogadh tuilleadh ann gu ruig an cùigeadh bliadhna deug thar fhichead do rìoghachadh Asa. CAIB. XVI. ANNS an t-seathadh bliadhna deug thar fhichead do rìoghachadh Asa, thàinig Basa righ Israeil a nìos an aghaidh Iudah, agus thog e Ramah, chum nach leigeadh e le neach air bith dol a mach no teachd a stigh gu Asa righ Iudah. 2 An sin thug Asa mach airgiod agus òr as ionmhasaibh tighe an Tighearna agus tighe an righ, agus chuir e teachdoirean gu Benhadad righ Shiria a bha chòmhnuidh aig Damascus, ag ràdh, 3 Biodh coi’-cheangal eadar mise agus thusa, mar a bha eadar m’athair-sa agus t’athair-sa: feuch, chuir mi a t’ ionnsuidh airgiod agus òr; falbh, bris do choi’-cheangal re Baasa righ Israeil, a chum gu’n imich e uam. 4 Agus dh’éisd Benhadad re righ Asa, agus chuir e ceannardan nan armailt a bha aige, an aghaidh bhailtean Israeil; agus bhuail iad Ion, agus Dan, agus Abel-maim, agus uile bhailtean ionmhais Naphtali. 5 Agus an uair a chuala Baasa sin, leig e dheth Ramah a thogail, agus sguir e d’a obair. 6 An sin thug Asa an righ leis Iudah uile, agus thug iad leo clacha Ramah, agus fhiodh, leis an robh Baasa a’ togail; agus thog e leo Geba, agus Mispah. 7 Agus anns an àm sin thàinig Hanani am fear-seallaidh gu h-Asa righ Iudah, agus thubhairt e ris, A chionn gu’n d’earb thu a righ Shiria, agus nach d’earb thu as an Tighearna do [TD 26] II. EACHDRAIDH. CAIB. XVII. Dhia, uime sin tha armailt righ Shiria air dol as o d’ làimh. 8 Nach robh na h-Etiopaich agus na Lubaich ’nan sluagh lionmhor, le ro-mhòran charbad agus marc-shluaigh? gidheadh, a chionn gu’n d’earb thu as an Tighearn, thug e thairis do d’ làimh iad. 9 Oir tha sùilean an Tighearn ag amharc a null agus a nall air feadh na talmhainn uile, a chum e féin a nochdadh làidir as an leth-san, aig am bheil cridhe iomlan d’a thaobh. Rinn thu gu h-amaideach anso; air an aobhar sin o so a mach bithidh cogadh a’d’ aghaidh. 10 An sin bha fearg air Asa ris an fhear-sheallaidh, agus chuir e ann an tigh prìosain e, a chionn gu’n robh e ann an corruich ris a thaobh an ni so. Agus rinn Asa ainneart air cuid do’n t-sluagh san àm sin. 11 Agus feuch, gnìomharan Asa, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar righrean Iudah agus Israeil. 12 Agus dh’fhàs eucail air Asa ’na chosaibh anns an naothadh bliadhna deug thar fhichead d’a rìoghachadh, gus an d’thàinig eucail gu h-airde mhòir: gidheadh, ’na eucail cha d’iarr e an Tighearn, ach na lighichean. 13 Agus choidil Asa maille r’a aithrichibh, agus dh’eug e anns a’ cheud bliadhna agus dà fhichead d’a rìoghachadh. 14 Agus dh’adhlaic iad e ’na uaigh féin, a rinn e air a shon féin ann am baile Dhaibhidh, agus chuir iad ’na luidhe e ann an leabaidh, a lìonadh le nithibh cùbhraidh (1), agus le h-iomadh gnè olaidh (2) air an deasachadh le h-ealadhain an léigh: agus rinn iad dha losgadh ro-mhòr. CAIB. XVII. AGUS rìoghaich Iehosaphat a mhac ’na àit, agus neartaich se e féin an aghaidh Israeil. 2 Agus chuir e feachd ann an uile bhailtibh daingnichte Iudah, agus chuir e freiceadain ann an tìr Iudah, agus ann am bailtibh Ephraim, a ghlac Asa athair. 3 Agus bha’n Tighearna maille re Iehosaphat, a chionn gu’n do ghluais e ann an ceud shlighibh Dhaibhidh athar, agus nach d’iarr e dh’ionnsuidh Bhaalim (3), 4 Ach gu’n d’iarr e dh’ionnsuidh [an Tighearna] Dé athar, agus gu’n do ghluais e ’na àitheantaibh, agus cha b’ann a réir deanadais Israeil: 5 Uime sin dhaingnich an Tighearn an rìoghachd ’na làimh, agus thug Iudah uile tiodhlacan gu Iehosaphat; agus bha aige beartas agus urram ann am pailteas. 6 Agus dh’ardaicheadh a chridhe ann an slighibh an Tighearna; agus mar an ceudna chuir e air falbh na h-àitean arda agus na doireachan as Iudah. 7 Agus anns an treas bliadhna d’a rìoghachadh chuir e cuid da uachdaranaibh (4), Benhail, agus Obadiah, agus Sechariah, (1) spìosraidh deagh-bholaidh. (2) oinemeid. (3) dhiathan bréige. (4) chuir e fios a dh’ionnsuidh uachdaran. [TD 27] II. EACHDRAIDH. CAIB. XVIII. agus Netaneel, agus Micaiah a theagasg ann am bailtibh Iudah: 8 Agus maille riu-san na Lebhithich Semaiah, agus Netaniah, agus Sebadiah, agus Asahel, agus Semiramot, agus Iehonatan, agus Adoniah, agus Tobiah, agus Tob-adoniah, Lebhithich uile; agus maille riu-san Elisama, agus Iehoram, na sagairt. 9 Agus theagaisg iad ann an Iudah, agus leabhar lagha an Tighearna aca, agus chaidh iad mu’n cuairt air feadh uile bhailtean Iudah, agus theagaisg iad an sluagh. 10 Agus bha eagal an Tighearna air uile rìoghachdaibh nan tìr a bha mu’n cuairt air Iudah, agus cha do chog iad re Iehosaphat. 11 Agus thug cuid do na Philistich tiodhlacan do Iehosaphat, agus airgiod cìse: mar an ceudna thug na h-Arabaich d’a ionnsuidh spréidh, seachd mìle agus seachd ceud reithe, agus seachd mìle agus seachd ceud boc-gaibhre. 12 Agus dh’fhàs Iehosaphat gu h-anbarrach mòr; agus thog e ann an Iudah caistealan (1) agus bailtean ionmhais. 13 Agus bha mòran oibre aige ann am bailtibh Iudah, agus fir-chogaidh, daoine comasach gaisgeil ann an Ierusalem. 14 Agus so an àireamh, a réir tighe an aithriche: Do Iudah, ceannarda mhìltean; Adnah an ceannard, agus maille ris daoine comasach gaisgeil, tri cheud mìle. 15 Agus ’na dhéigh-san Iehohanan an ceannard, agus maille ris dà cheud agus ceithir fichead mìle. 16 Agus ’na dhéigh-san Amasiah mac Shichri, a thug e féin suas do’n Tighearn, agus maille ris dà cheud mìle fear comasach gaisgeil. 17 Agus do Bheniamin; Eliada fear comasach gaisgeil, agus maille ris daoine armaichte le bogha agus le targaid, da cheud mìle. 18 Agus ’na dhéigh-san Iehosabad, agus maille ris ceud agus ceithir fichead mìle, deas gu cogadh. 19 Bha iad sin a’ feitheamh air an righ, a bhàrr orra-san a chuir an righ anns na bailtibh daingnichte air feadh Iudah uile. CAIB. XVIII. AGUS bha aig Iehosaphat beartas agus cliu ann am pailteas; agus rinn e cleamhnas re Ahab. 2 Agus an ceann bhliadhnan àraidh chaidh e sìos a dh’ionnsuidh Ahaib do Shamaria, agus mharbh Ahab caoraich agus crodh ann am pailteas air a shon, agus air son an t-sluaigh a bha maille ris, agus chuir e impidh air dol suas gu Ramot-gilead. 3 Agus thubhairt Ahab righ Israeil re Iehosaphat righ Iudah, An d’théid thu maille riumsa do Ramot-gilead? Agus fhreagair esan e, Tha mise mar ata thusa, agus mo shluagh mar do shluagh-sa, agus bithidh sinn leat anns a’ chogadh. 4 Agus thubhairt Iehosaphat re righ Israeil, Fiosraich (2), guidh- (1) tùir. (2) Feòraich. [TD 28] II. EACHDRAIDH. CAIB. XVIII. eam ort, an diugh do fhocal an Tighearna. 5 Uime sin chruinnich righ Israeil na fàidhean an ceann a chéile, ceithir cheud fear, agus thubhairt e riu, An d’théid sinn do Ramot-gilead gu cath, no’n leig mi leis? agus thubhairt iadsan, Falbh suas; oir bheir Dia an làimh an righ iad. 6 Agus thubhairt Iehosaphat, Nach ’eil an so fàidh tuilleadh leis an Tighearna, chum gu’m fiosraich sinn dheth? 7 Agus thubhairt righ Israeil re Iehosaphat, Tha fathast aon fhear ann, leis am feud sinn fiosrachadh do’n Tighearna; ach tha fuath agam dha, oir cha ’n’eil e deanamh fàistineachd mu m’ thimchioll idir air maith, ach an còmhnuidh air olc: is e so Micaiah, mac Imla. Agus thubhairt Iehosaphat, Na h-abradh an righ mar sin. 8 Agus ghairm righ Israeil aon d’a mhaoraibh, agus thubhairt e, Greas an so Micaiah mac Imla. 9 Agus shuidh righ Israeil, agus Iehosaphat righ Iudah, gach fear air a righ-chathair féin, le’n earradh rìoghail orra, agus shuidh iad ann an àite réidh, aig dol a steach geataidh Shamaria, agus bha na fàidhean uile re fàidheadaireachd ’nan làthair. 10 Agus rinn Sedeciah, mac Chenaanah, adhaircean iaruinn dha féin, agus thubhairt e, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Leo so buailidh tu na Sirianaich (1), gus an cuirear as doibh. 11 Agus rinn na fàidhean uile fàidheadaireachd mar sin, ag ràdh, Falbh suas gu Ramot-gilead, agus soirbhich; oir bheir an Tighearn an làimh an righ iad. 12 Agus an teachdair’ a chaidh a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch, tha briathra nam fàidh le h-aon bheul a’ foillseachadh maith do’n righ: bitheadh t’fhocal-sa, guidheam ort, mar fhocal aoin diubhsan, agus labhair maith. 13 Agus thubhairt Micaiah, Mar is beo an Tighearn, eadhon an ni a their mo Dhia, sin labhraidh mise. 14 Agus thàinig e dh’ionnsuidh an righ, agus thubhairt an righ ris, A Mhicaiah, an d’théid sinn do Ramot-gilead gu cath, no’n leig mi leis? agus thubhairt esan, Rachaibh suas, agus soirbhichibh; oir bheirear ann bhur làimh iad. 15 Agus thubhairt an righ ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna. 16 Agus thubhairt esan, Chunnaic mi Israel uile sgapta air na sléibhtibh, mar chaoraich aig nach ’eil aodhaire: agus thubhairt an Tighearna, Cha ’n’eil maighstir (2) orra so; pilleadh gach fear d’a thigh féin ann an sìth. 17 (Agus thubhairt righ Israeil re Iehosaphat, Nach d’innis mi dhuit, nach deanadh e fàistineachd mu m’ thimchioll-sa air maith, ach air olc?) 18 A rìs thubhairt e, Uime sin éisdibh re focal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna ’na shuidhe air a righ-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh ’nan seas- (1) purraidh tu Siria. (2) tighearn. [TD 29] II. EACHDRAIDH. CAIB. XVIII. amh air a làimh dheis agus air a làimh chli. 19 Agus thubhairt an Tighearna, Cò a chuireas impidh air (1) Ahab righ Israeil, a chum as gu’n d’théid e suas, agus gu’n tuit e ann an Ramot-gilead? Agus labhair aon, ag ràdh mar so, agus aon eile ag ràdh mar sud. 20 Agus thàinig spiorad a mach, agus sheas e am fianuis an Tighearna, agus thubhairt e, Cuiridh mise impidh air. Agus thubhairt an Tighearna ris, Cia leis? 21 Agus thubhairt esan, Théid mi mach, agus bithidh mi a’m’ spiorad bréige ann am beul fhàidhean uile. Agus thubhairt an Tighearna, Cuiridh tu impidh air, agus mar an ceudna buaidhichidh tu: imich, agus dean mar sin. 22 A nis uime sin, feuch, chuir an Tighearna spiorad bréige ann am beul nam fàidh sin agad, agus labhair an Tighearn olc mu d’ thimchioll. 23 An sin chaidh Sedeciah mac Chenaanah am fagus, agus bhuail e Micaiah air a’ ghiall, agus thubhairt e, Cia an taobh a chaidh spiorad an Tighearna uamsa a labhairt riutsa? 24 Agus thubhairt Micaiah, Feuch, chi thu san là sin air an d’théid thu steach do sheòmar-cùil gu t’fholachadh féin. 25 An sin thubhairt righ Israeil, Glacaibh Micaiah, agus thugaibh air ais e gu h-Amon uachdaran a’ bhaile, agus gu Ioas mac an righ: 26 Agus abraibh, Mar so thubhairt an righ, Cuiribh am fear so anns a’ phrìosan, agus beathaichibh e le aran airce (2), agus le uisge airce, gus am pill mise ann an sìth. 27 Agus thubhairt Micaiah, Ma philleas tusa idir ann an sìth, cha do labhair an Tighearna leamsa. Agus thubhairt e, Eisdibh, a shlòigh uile (3). 28 Uime sin chaidh righ Israeil, agus Iehosaphat righ Iudah, suas gu Ramot-gilead. 29 Agus thubhairt righ Israeil re Iehosaphat, Cuiridh mise mi féin ann an coslas eile, agus théid mi steach do’n chath; ach cuir thusa t’earradh rìoghail ort. Agus chuir righ Israeil e féin ann an coslas eile, agus chaidh e (4) steach do’n chath. 30 A nis dh’àithn righ Shiria do cheannardaibh nan carbad a bha aige, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag, no ris a’ mhòr, ach re righ Israeil a mhàin. 31 Agus an uair a chunnaic ceannardan nan carbad Iehosaphat, thubhairt iad, Is e so righ Israeil: uime sin thàinig iad mu’n cuairt air a chogadh. Ach ghlaodh Iehosaphat a mach, agus chuidich an Tighearna leis, agus dh’aom Dia iad gu falbh uaith. 32 Oir an uair a chunnaic ceannardan nan carbad nach b’e righ Israeil a bha ann, phill iad o a leantuinn. 33 Agus tharruing fear a bhogha a thaobh tuairmse (5), agus bhuail e righ Israeil eadar alta na lùirich: uime sin thubhairt e r’a charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a mach as (1) a dh’aomas, a mheallas. (2) teanntachd. (3) Eisdeadh gach uile shluagh. (4) iad. (5) tuairimeis, teagmhuis, tuitimeis. [TD 30] II. EACHDRAIDH. CAIB. XIX. an fheachd (1) mi; oir tha mi leointe. 34 Ach mheudaich an cath air an là sin: uime sin dh’fhan righ Israeil shuas ’na charbad an aghaidh nan Sirianach gu ruig am feasgar; agus fhuair e bàs mu àm dol fodha (2) na gréine. CAIB. XIX. AGUS phill Iehosaphat righ Iudah a dh’ionnsuidh a thighe ann an sìth gu h-Ierusalem. 2 Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a mach ’na choinneamh, agus thubhairt e re righ Iehosaphat, Am buineadh dhuitse an t-aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna. 3 Ach fhuaradh nithe maithe annad, a thaobh gu’n do chuir thu air falbh na doireachan as an tìr, agus gu’n d’ulluich thu do chridhe a dh’iarraidh Dhé. 4 Agus ghabh Iehosaphat còmhnuidh ann an Ierusalem: agus chaidh e mach arìs air feadh an t-sluaigh, o Bheer-seba gu sliabh Ephraim, agus thug e air an ais iad a dh’ionnsuidh an Tighearna Dé an aithriche. 5 Agus shuidhich e breitheamhna anns an tìr, air feadh uile bhailte daingnichte Iudah, anns gach baile fa leth. 6 Agus thubhairt e ris na breitheamhnaibh, Thugaibh an aire ciod a ni sibh, oir cha ’n ann airson duine a tha sibh a’ tabhairt breth, ach airson an Tighearna; agus tha e féin maille ribh anns a’ bhreitheanas (3). 7 A nis ma ta bitheadh eagal an Tighearna oirbh: thugaibh an aire agus bithibh a’ deanamh; oir maille ris an Tighearn ar Dia cha ’n’eil eu-ceart, no bàigh re neach seach a’ chéile, no gabhail duaise. 8 Agus mar an ceudna ann an Ierusalem shuidhich Iehosaphat cuid do na Lebhitheachaibh, agus do na sagartaibh, agus do cheannaibh theaghlach (4) Israeil, air son breitheanais an Tighearna, agus gu connsachadh a chrìochnachadh an uair a phill iad gu h-Ierusalem. 9 Agus thug e sparradh dhoibh, ag ràdh, Mar so ni sibh ann an eagal an Tighearna, ann an ionracas (5), agus le cridhe iomlan. 10 Agus ge b’e cùis a thig d’ar n-ionnsuidh o bhur bràithribh a tha chòmhnuidh ’nam bailtibh, eadar fuil agus fuil, eadar lagh agus àithne, reachdan agus breitheanais, bheir sibh rabhadh dhoibh nach dean iad eusaontas an aghaidh an Tighearna, agus gu’n d’thig fearg oirbhse agus air bhur bràithribh: deanaibh mar so, agus cha chiontaich sibh. 11 Agus feuch, tha Amariah an t-ard shagart os bhur cionn ann an uile ghnothuichibh an Tighearna, agus Sebadiah mac Ismaeil ’na cheannard air tigh Iudah ann an uile ghnothuichibh an righ, agus na Lebhithich ’nan luchd-riaghlaidh ’nar (6) fianuis. Bithibh misneachail, agus deanaibh; agus bithidh an Tighearna maille ris a’ mhaith. (1) as an t-sluagh. (2) fuidh. (3) ann am focal no gnothuch a’ bhreitheanais. Eabh. (4) aithrichean. Eabh. (5) firinn. (6) ann bhur. [TD 31] II. EACHDRAIDH. CAIB. XX. CAIB. XX. AGUS an déigh nan nithe so thàinig clann Mhoaib, agus clann Amoin, agus maille riu cuid do na h-Edomaich (1), an aghaidh Iehosaphait gu cath. 2 Agus thàinig teachdairean, agus dh’innis iad do Iehosaphat, ag ràdh, Tha sluagh mòr a’ teachd ort a nall thar fairge, agus o Edom (2); agus feuch, tha iad ann an Hasason-tamar; is e sin En-gedi. 3 Agus bha eagal air Iehosaphat, agus chuir e aghaidh a dh’iarraidh an Tighearna, agus ghairm e trosgadh air feadh Iudah uile. 4 Agus chruinnicheadh Iudah an cionn a chéile a dh’iarraidh còghnaidh (3) o’n Tighearna: eadhon as uile bhailtibh Iudah thàinig iad a dh’iarraidh an Tighearna. 5 Agus sheas Iehosaphat ann an coi’-thional Iudah agus Ierusaleim, ann an tigh an Tighearna, fa chomhair na cùirte nomha, 6 Agus thubhairt e, A Thighearna Dhé ar n-aithriche, nach tusa Dia anns na nèamhaibh? agus nach ’eil thu a’ riaghladh os cionn uile rìoghachda nan cinneach? agus ann ad làimh-sa nach ’eil neart agus cumhachd, air chor as nach ’eil neach air bith comasach air seasamh a’t’ aghaidh? 7 Nach tusa ar Dia-ne, a dh’fhògair a mach luchd-àiteachaidh na tìre so roimh do shluagh Israel, agus a thug i do shliochd (4) Abrahaim do charaid gu bràth? 8 Agus ghabh iad còmhnuidh innte, agus thog iad air do shon-sa innte ionad naomha, air son t’ainme-sa, ag ràdh, 9 Ma thig olc air bith oirn, claidheamh, breitheanas (5), no plàigh, no gortadh, seasaidh sinn fa chomhair an tighe so, agus ann ad fhianuis-sa (oir tha t’ainm anns an tigh so) agus glaodhaidh sinn riut ’nar teinn (6), agus éisdidh tusa, agus saoraidh tu sinn. 10 Agus a nis, feuch, tha clann Amoin, agus Mhoaib, agus sléibh Sheir, aig nach do leig thu le h-Israel dol troimh an crìocha, ’nuair a thàinig iad a tìr na h-Eiphit, ach thionndaidh iad uatha, agus cha do sgrios siad iad: 11 Feuch, a nis mar a ta iad a’ toirt luigheachd dhuinn, le teachd gus ar tilgeadh a mach as t’oighreachd, a thug thu dhuinn r’a sealbhachadh. 12 O ar Dia, nach d’thoir thu breth orra? oir cha ’n’eil neart againne an aghaidh an t-sluaigh mhòir so, a tha teachd oirn: agus cha ’n’eil fhios againn ciod a ni sinn, ach ortsa tha ar sùilean. 13 Agus sheas Iudah uile am fianuis an Tighearna; mar an ceudna an òigridh, am mnài agus an clann. 14 Agus air Iahasiel, mac Shechariah, mhic Bhenaiah, mhic Iehieil, mhic Mhataniah, Lebhitheach do mhacaibh A- (1) agus maille riu daoin’ eile thuilleadh air na h-Amonaich. (2) air an taobh so do Shiria. (3) congnaimh. Eir. (4) shìol. (5) claidheamh a’ bhreitheanais. (6) ’nar n-airc. [TD 32] II. EACHDRAIDH. CAIB. XX. saiph, bha spiorad an Tighearna ann am meadhon a’ choi’-thionail. 15 Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iudah uile, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a righ Iehosaphat: Mar so tha’n Tighearn ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t-sluaigh mhòir so; oir cha leibhse an cath, ach le Dia. 16 Am màireach rachaibh sìos ’nan aghaidh: feuch, tha iad a’ teachd a nìos rathad uchdaich Shids, agus gheibh sibh iad aig ceann an t-srutha, fa chomhair fàsaich Ierueil. 17 Cha bhi cath agaibh r’a chur an so; a mhàin thigibh a làthair, seasaibh, agus faicibh saorsadh an Tighearna maille ribh, a Iudah, agus a Ierusalem: na biodh eagal no faitcheas oirbh; am màireach rachaibh a mach ’nan aghaidh, agus bithidh an Tighearna maille ribh. 18 Agus chrom Iehosaphat a cheann, le aghaidh gu làr; agus thuit Iudah uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, sìos am fianuis an Tighearna, a’ deanamh aoraidh do’n Tighearna. 19 Agus dh’éirich na Lebhithich do chloinn nan Cohatach, agus do chloinn nan Corhach, suas a mholadh an Tighearna Dé Israeil le guth mòr, gu h-ard. 20 Agus dh’éirich iad gu moch anns a’ mhaduinn, agus chaidh iad a mach gu fàsach Thecoa: agus an uair a bha iad a’ dol a mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iudah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim. Creidibh anns an Tighearna bhur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh fhàidhean, agus soirbhichidh sibh. 21 Agus an uair a thug e comhairle do’n t-sluagh (1), dh’orduich e luchd-seinn do’n Tighearn, agus daoine a mholadh maise na naomhachd (2), an uair a thigeadh iad a mach roimh ’n armailt, agus a theireadh (3), Thugaibh buidheachas do’n Tighearn, oir gu bràth mairidh a thròcair. 22 Agus an uair a thòisich iad air seinn agus air moladh, chuir an Tighearna luchd feallfholaich an aghaidh chloinn Amoin, agus Mhoaib, agus sléibh Sheir, a thàinig an aghaidh Iudah, agus bhuaileadh iad: 23 Oir sheas clann Amoin agus Mhoaib suas an aghaidh luchd-àiteachaidh sléibh Sheir, chum am marbhadh agus an sgrios gu tur; agus an uair a chuir iad as do luchd-àiteachaidh Sheir, chuidich iad gach aon diubh gus a chéile a sgrios. 24 Agus an uair a thàinig Iudah làimh re tùr na faire anns an fhàsach, dh’amhairc iad air an t-sluagh mhòr, agus feuch, bha iad ’nan corpaibh marbha air tuiteam gu talamh, agus cha deachaidh duine as diubh. 25 Agus thàinig Iehosaphat agus a shluagh a thoirt leo an creiche; agus fhuair iad ’nam measg ann am pailteas araon beartas maille ris na corpaibh marbha, agus seudan luach- (1) chuir e chomhairle ris an t-sluagh. (2) chum maise na naomhachd, ann am maise an ionaid naomha. (3) deireadh. Eir. [TD 33] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXI. mhor (1) a thug iad dhiubh air an son féin, tuilleadh as a b’urrainn iad iomchar leo: agus bha iad tri laithean ann an cruinneachadh na creiche; oir bha i mòr. 26 Agus air a’ cheathramh là chruinnicheadh iad an cionn a chéile an gleann Bherachah, oir an sin bheannaich iad an Tighearn: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin gleann Bherachah, gus an la’n diugh. 27 An sin phill fir Iudah agus Ierusaleim uile, agus Iehosaphat air an ceann, a dhol air an ais gu h-Ierusalem le gairdeachas; oir thug an Tighearn orra gairdeachas a dheanamh os cionn an naimhde. 28 Agus thàinig iad gu h-Ierusalem le saltairibh, agus le clàrsaichibh, agus le trompaidibh, a dh’ionnsuidh tighe an Tighearna. 29 Agus bha eagal Dé air uile rìoghachdaibh nan dùchanna sin, an uair a chual iad gu’n do chog an Tighearn an aghaidh naimhdean Israeil. 30 Agus bha rìoghachd Iehosaphait sàmhach; oir thug a Dhia fois dha air gach taobh. 31 Agus rìoghaich Iehosaphat os cionn Iudah: cùig bliadhna deug thar fhichead do aois bha e ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e cùig bliadhna fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Asubah, nighean Shilhi. 32 Agus ghluais e ann an slighe Asa athar, agus cha do dhealaich e rithe, a’ deanamh an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna. 33 Ach cha d’thugadh air falbh na h-àitean arda; oir fathast cha d’ulluich an sluagh an cridhe air son Dhé an aithriche. 34 A nis a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iehosaphait, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad scrìobhta ann am briathraibh Iehu mhic Hanani, a chuir e sìos ann an leabhar righrean Israeil (2). 35 Agus ’na dhéigh so rinn Iehosaphat righ Iudah coi’-cheangal (3) re Ahasiah righ Israeil, a bha olc ’na dheanadas. 36 Agus rinn e coi’-cheangal ris longan a dheanamh a rachadh gu Tarsis; agus rinn iad na longan ann an Esion-geber. 37 Ach rinn Elieser, mac Dhodabhah o Mharesah, fàistineachd an aghaidh Iehosaphait, ag ràdh, A chionn gu’n d’rinn thu coi’-cheangal re Ahasiah, bhris an Tighearna t’oibre. Agus bhriseadh na longa, agus cha b’urrainn iad dol gu Tarsis. CAIB. XXI. AGUS choidil Iehosaphat maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaiceadh e maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh: agus rìoghaich Iehoram a mhac ’na àit. 2 Agus bha bràithrean aige-san, mic Iehosaphait, Asariah, agus Iehiel, agus Sechariah, agus Asariah, agus Michael, agus (1) taitneach. (2) air am bheil iomradh ann an leabhar righrean Israeil. (3) chaidh Iehosaphat righ Iudah ann an comh-chuideachd. [TD 34] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXI. Sephatiah: b’iad sin uile mic Iehosaphait, righ Iudah (1). 3 Agus thug an athair dhoibh iomadh tiodhlacadh airgid agus òir, agus nithe luachmhor, maille re bailtibh daingnichte ann an Iudah; ach thug e an rìoghachd do Iehoram, a chionn gu’m b’e’n ceud-ghin e. 4 Agus an uair a dh’éirich Iehoram suas gu rìoghachd athar, agus a dhaingnich se e féin, mharbh e a bhràithrean uile leis a’ chlaidheamh, agus mar an ceudna cuid do uachdaranaibh Israeil. 5 Dà bhliadhna dheug thar fhichead a dh’aois bha Iehoram an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e ochd bliadhna ann an Ierusalem. 6 Agus ghluais e ann an slighe righrean Israeil, mar a rinn tigh Ahaib; oir bha nighean Ahaib ’na mnaoi aige: agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna. 7 Gidheadh, cha b’àill leis an Tighearna tigh Dhaibhidh a sgrios, air sgàth a’ choi’-cheangail a rinn e re Daibhidh, agus gu’n do gheall e solus a thabhairt da féin agus d’a mhacaibh gu bràth (2). 8 ’Na laithibh-san dh’éirich na h-Edomaich o bhi fuidh làimh Iudah (3), agus rinn iad righ os an cionn féin. 9 Agus chaidh Iehoram a mach le cheannardaibh, agus a charbadan uile maille ris: agus dh’éirich e san oidhche, agus bhuail e na h-Edomaich a thàinig mu’n cuairt air, agus ceannardan nan carbad. 10 Gidheadh, dh’éirich na h-Edomaich o bhi fuidh làimh Iudah gus an la’n diugh. Agus dh’éirich Libnah san àm cheudna o bhi fuidh a làimh, a chionn gu’n do thréig e ’n Tighearna Dia aithriche. 11 Mar an ceudna rinn e àitean arda ann an sléibhtibh Iudah, agus thug e air luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dheanamh, agus tharruing (4) e Iudah a dh’ionnsuidh sin. 12 Agus thàinig scrìobhadh d’a ionnsuidh o Eliah am fàidh, ag ràdh, Mar so tha’n Tighearna, Dia Dhaibhidh t’athar, ag ràdh, A chionn nach do ghluais thu ann an slighibh Iehosaphait t’athar, no ann an slighibh Asa righ Iudah, 13 Ach gu’n do ghluais thu ann an slighe righrean Israeil, agus gu’n d’thug thu air Iudah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dheanamh, cosmhuil re strìopachas tighe Ahaib, agus mar an ceudna gu’n do mharbh thu do bhràithrean do thigh t’athar, a b’fhearr na thu féin: 14 Feuch, buailidh an Tighearna le plàigh (5) mhòir do shluagh, agus do chlann, agus do mhnài, agus do mhaoin uile. 15 Agus bithidh tu ann an tinneas mòr le eucail do mhionaich, gus an tuit do mhionach a mach leis an eucail, o la gu la. 16 Uime sin bhrosnaich an Tighearn an aghaidh Iehoraim spiorad nam Philisteach, agus nan Arabach, a bha làimh ris na h-Etiopaich. 17 Agus thàinig iad a nìos gu Iudah, agus bhris iad a (1) Israeil. (2) an còmhnuidh; gach là. Eabh. (3) rinn Edom aradh a mach an aghaidh Iudah. (4) choimhéignich. (5) buille, [TD 35] II. EACHDRAIDH CAIB. XXII. steach innte, agus thug iad leo a’ mhaoin uile a fhuaradh ann an tigh an righ, agus mar an ceudna a mhic agus a mhnài; air chor as nach d’fhàgadh mac aige ach Ahasiah (1) a mhac a b’òige. 18 Agus ’na dhéigh so uile bhuail an Tighearn e ’na mhionach le h-eucail nach gabhadh leigheas. 19 Agus an déigh laithean àraidh, an ceann dà bhliadhna, thuit a mhionach a mach le eucail, agus fhuair e bàs le droch ghalaraibh; agus cha d’rinn a shluagh losgadh air a shon cosmhuil re losgadh aithriche. 20 Dà bhliadhna dheug thar fhichead a dh’aois bha e ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e ochd bliadhna ann an Ierusalem, agus shiubhail e gun déidh sam bith air; agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha b’ann an àitibh-adhlaic nan righ. CAIB. XXII. AGUS rinn luchd-àiteachaidh Ierusaleim Ahasiah a mhac a b’òige ’na righ ’na àit: oir mharbh a’ bhuidheann a thàinig maille ris na h-Arabaich do’n champ na mic bu shine uile. Agus rìoghaich Ahasiah mac Iehoraim, righ Iudah. 2 Dà bhliadhna thar fhichead (2) a dh’aois bha Ahasiah ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e aon bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ataliah nighean Omri. 3 Ghluais esan mar an ceudna ann an slighibh tighe Ahaib; oir b’i mhàthair a chomhairliche (3) a dheanamh uilc. 4 Air an aobhar sin rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, cosmhuil re tigh Ahaib; oir b’iad sin a chomhairlichean an déigh bàis athar, chum a sgrios. 5 Ghluais e mar an ceudna a réir an comhairle, agus chaidh e maille re Iehoram, mac Ahaib righ Israeil, a chogadh an aghaidh Hasaeil righ Shiria ann an Ramot-gilead: agus lot (4) na Sirianaich Ioram (5). 6 Agus phill e gu bhi air a leigheas ann an Iesreel o na lotaibh (6) a thug iad dha ann an Ramah (7), an uair a chòmhraig e (8) ’n aghaidh Hasaeil righ Shiria. Agus chaidh Ahasiah (9) mac Iehoraim, righ Iudah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu’n robh e tinn. 7 Agus b’ann o Dhia bha sgrios Ahasiah, le theachd gu Ioram: oir an uair a thàinig e, chaidh e mach maille re Iehoram an aghaidh Iehu mhic Nimsi, a dh’ung an Tighearn a ghearradh as tighe Ahaib. 8 Agus an uair a bha Iehu a’ deanamh breitheanais air tigh Ahaib, agus a fhuair e uachdarain Iudah, agus mic bhràithrean Ahasiah, a fhritheil do Ahasiah, mharbh e iad. 9 Agus dh’iarr e Ahasiah, agus ghlac iad e, agus e am folach ann an Samaria: agus thug iad e dh’ionnsuidh Iehu, agus (1) Iehoahas. (2) Dà bhliadhna agus dà fhichead Faic. II. Righ. Caib. viii. r. 26. (3) chomhairleach. (4) bhuail. (5) Iehoram. (6) a thaobh nan lot. (7) Ramot I. Righ. Caib. viii. r. 29. (8) chuir e cath. (9) Asariah. [TD 36] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXIII. mharbh iad e, agus dh’adhlaic iad e, a chionn, thubhairt iad, gur e mac Iehosaphait e, a dh’iarr an Tighearna le uile chridhe. Agus cha robh e ’n comas do thigh Ahasiah an rìoghachd a ghleidheadh ni b’fhaide. 10 Agus an uair a chunnaic Ataliah, màthair Ahasiah, gu’n robh a mac marbh, dh’éirich i, agus sgrios i uile shliochd rìoghail tighe Iudah. 11 Ach ghabh Iehosabet (1), nighean an righ, Ioas mac Ahasiah, agus ghoid i e a measg mhac an righ a mharbhadh, agus chuir i e féin agus a bhan-altrum ann an seòmar nan leapaiche. Mar sin dh’fholaich Iehosabet, nighean righ Iehoraim, bean Iehoiada an t-sagairt e (oir b’i piuthar Ahasiah i) o Ataliah, air chor as nach do mharbh i e. 12 Agus bha e maille riu am folach ann an tigh Dhé rè shè bliadhna; agus Ataliah a’ rìoghachadh os cionn na tìre. CAIB. XXIII. AGUS anns an t-seachdamh bliadhna neartaich Iehoiada e féin, agus ghabh e na ceannardan cheud, Asariah mac Ierohaim, agus Ismael mac Iehohanain, agus Asariah mac Obeid, agus Maasiah mac Adaiah, agus Elisaphat mac Shichri, a steach ann an coi’-cheangal ris. 2 Agus chaidh iad mu’n cuairt ann an Iudah, agus chruinnich iad na Lebhithich a mach as uile bhailtibh Iudah, agus cinn aithrichean (2) Israeil, agus thàinig iad gu h-Ierusalem. 3 Agus rinn an coi’-thional uile coi’-cheangal ris an righ ann an tigh Dhé: agus thubhairt e riu, Feuch, rìoghaichidh mac an righ, mar a thubhairt an Tighearna mu mhacaibh Dhaibhidh. 4 So an ni a ni sibh: Bithidh an treas cuid dhibhse a théid a steach air an t-sàbaid, do na sagairt agus do na Lebhithich, ’nan luchd-gleidhidh nan dorus. 5 Agus bithidh trian aig tigh an righ; agus trian aig geatadh na bunaite: agus bithidh an sluagh uile ann an cùirtibh tighe an Tighearna. 6 Ach na d’thigeadh a steach do thigh an Tighearna ach na sagairt, agus iadsan do na Lebhithich a fhritheileas; théid iadsan a steach, oir tha iad naomha: ach coimheadaidh (3) an sluagh uile faire an Tighearna. 7 Agus cuairtichidh na Lebhithich an righ air gach taobh, gach fear le airm ’na làimh; agus ge b’e neach a thig a steach do’n tigh, cuirear gu bàs e: ach bithibhse maille ris an righ, ’nuair a thig e steach, agus an uair a théid e mach. 8 Agus rinn na Lebhithich, agus Iudah uile, a réir nan uile nithe a dh’àithn Iehoiada an sagart, agus ghabh iad gach fear a dhaoine féin a bha gu teachd a steach air an t-sàbaid, maille riu-san a bha gu dol a mach air an t-sàbaid; oir cha do leig Iehoiada an sagart air falbh na roinnean. 9 Agus thug Iehoiada an sa- (1) Iehoseba II. Righ. Caib. xi. r. 2 (2) theaghlaichean. (3) gleidhidh. [TD 37] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXIII. gart do na ceannardaibh-cheud sleaghan, agus sgiathan, agus targaidean, a bh’aig righ Daibhidh, a bha ann an tigh Dhé. 10 Agus chuir e an sluagh uile, gach fear le ghath (1) ’na làimh, o thaobh deas an tighe gu ruig taobh cli an tighe, làimh ris an altair agus an tigh, mu’n cuairt air an righ. 11 Agus thug iad a mach mac an righ, agus chuir iad an crùn air, agus thug iad dha an fhianuis, agus rinn iad ’na righ e: agus dh’ung Iehoiada agus a mhic e, agus thubhairt iad, Gu ma fada beo an righ. 12 Agus an uair a chual Ataliah fuaim an t-sluaigh a’ ruith cuideachd, agus a’ moladh an righ, thàinig i dh’ionnsuidh an t-sluaigh, a steach do thigh an Tighearna. 13 Agus dh’amhairc i, agus feuch, sheas an righ làimh r’a phost aig an dol a steach, agus na h-uachdarain agus na trompaidean làimh ris an righ, agus rinn uile shluagh na tìre gairdeachas, agus rinn iad fuaim le trompaidibh, agus an luchd seinn le h-innealaibh-ciuil, agus iadsan a bha eòlach air moladh: agus reub Ataliah a h-eudach, agus thubhairt i, Feall, feall. 14 An sin dh’àithn Iehoiada an sagart do na ceannardaibh-cheud (2) a chuireadh os cionn an t-slòigh, agus thubhairt e riu, Thugaibh amach i an taobh a muigh do na sreathaibh; agus ge b’e neach a leanas i, marbhar leis a’ chlaidheamh e: oir thubhairt an sagart, Na cuiribh gu bàs i ann an tigh an Tighearna. 15 Agus thug iad comas d’i (3), agus an uair a thàinig i gu dol a stigh geataidh nan each aig tigh an righ, mharbh iad an sin i. 16 Agus rinn Iehoiada coi’-cheangal eadar a féin agus an sluagh gu léir agus an righ, gu’m biodh iad ’nan sluagh aig an Tighearna. 17 Agus chaidh ’n sluagh uile a stigh do thigh Bhaail, agus leag iad sìos e, agus bhris iad altairean agus a dhealbhan gu tur, agus mharbh iad Matan sagart Bhaail fa chomhair nan altair. 18 Agus shuidhich Iehoiada luchd-riaghlaidh tighe an Tighearna le làimh nan sagart agus nan Lebhitheach, a roinn Daibhidh ann an tigh an Tighearna, chum iobairtean-loisgte an Tighearna ìobradh, mar a ta e scrìobhta ann an lagh Mhaois, le gairdeachas agus le seinn, a réir orduigh (4) Dhaibhidh. 19 Agus shuidhich e na dorsairean aig geataibh tighe an Tighearna, chum nach rachadh neach air bith a stigh, a bha neò-ghlan ann an ni air bith. 20 Agus ghabh e na ceannardan-cheud, agus na h-ard uaislean, agus uachdarain an t-sluaigh, agus uile shluagh na tìre, agus thug iad a nuas an righ o thigh an Tighearna; agus thàinig iad troimh ’n gheata ard a steach do thigh an righ, agus chuir iad an righ ’na shuidhe air righ-chathair na rìoghachd. 21 Agus rinn uile shluagh na tìre gairdeachas: agus bha’m baile sàmhach, an déigh dhoibh (1) le bhall-airm, le chlaidheamh. (2) thug Iehoiada an sagart a mach na ceannardan-cheud. Faic. II. Righ. Caib. xi. r. 15. (3) chuir iad làmh innte. (4) làimhe. Eabh. [TD 38] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXIV. Ataliah a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. CAIB. XXIV. SEACHD bliadhna dh’aois bha Ioas (1) an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e dà fhichead bliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Sibia o Bheer-seba. 2 Agus rinn Ioas an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna rè uile laithean Iehoiada an t-sagairt. 3 Agus ghabh Iehoiada air a shon dà mhnaoi, agus ghin e mic agus nigheana. 4 Agus ’na dhéigh so bha e ann an inntinn (2) Ioais tigh an Tighearn a chàradh (3). 5 Agus chrunnich e re chéile na sagairt agus na Lebhithich, agus thubhairt e riu, Rachaibh a mach do bhailtibh Iudah, agus cruinnichibh o Israel uile airgiod a chàradh tighe bhur Dé o bhliadhna gu bliadhna, agus faicibh gu’n dean sibh cabhag (4) sa’ ghnothuch. Gidheadh cha d’rinn na Lebhithich cabhag. 6 Agus ghairm an righ Iehoiada an t-ard-shagart, agus thubhairt e ris, C’ar son nach d’iarr thu air na Lebhithich cìs Mhaois (3), òglaich an Tighearna, a thoirt a steach o Iudah, agus o Ierusalem, agus (6) o choi’-thional Israeil, air son pàilliuin na fianuis? 7 Oir bhris mic na droch mhnà Ataliah sìos tigh Dhé, agus mar an ceudna uile nithe coisrigte (7) tighe an Tighearna thug iad seachad (8) do Bhaalim. 8 An sin air àithne an righ rinn iad ciste, agus chuir iad i aig geatadh tighe an Tighearna air an taobh a muigh. 9 Agus thug iad gairm air feadh Iudah agus Ierusaleim, cìs Mhaois, òglaich Dhe, a chuir e air Israel anns an fhàsach, a thoirt a steach do’n Tighearna. 10 Agus rinn na h-uachdarain uile agus an sluagh uile gairdeachas, agus thug iad leo, agus thilg iad anns a’ chiste, gus an do lìonadh i (9). 11 Agus an uair a thugadh a’ chiste steach a dh’ionnsuidh luchd-riaghlaidh (10) an righ le làimh nan Lebhitheach, agus a chunnaic iad gu’n robh mòran airgid innte, an sin thàinig scrìobhuich an righ agus fear-riaghlaidh an ard-shagairt, agus dh’fhalamhuich iad a’ chiste, agus ghabh iad i, agus thug iad air a h-ais i d’a h-àite féin. Mar so rinn iad o la gu la, agus chruinnich iad airgiod ann am pailteas. 12 Agus thug an righ agus Iehoiada e dhoibhsan a rinn obair (11) seirbhis tighe an Tighearna, agus thuarasdalaich iad luchd-snaithidh chlach agus saoir a chàradh tighe an Tighearna, agus mar an ceudna luchd-oibre ann an iarunn agus an umha a dheanamh suas (12) tighe an Tighearna. 13 Agus dh’oibrich an luchd-oibre, agus choimhlionadh an (1) Iehoas. II. Righ. Caib. xii. r. 1. (2) cridhe. Eabh. (3) a leasachadh, ath-nuadhachadh. (4) deifir. (5) a’ chìs a dh’àithn Maois bhi air a togail. (6) eadhon. (7) naomha. (8) rinn iad. Eabh. (9) gus an do chuir iad crìoch air a’ ghnothuch. (10) luchd amhairc thairis, luchd-ghnothuichean; seòmair-ghnothuichean. (11) air an robh cùram oibre. Faic. II. Righ. Caib. xii. r. 11. (12) a chàradh. [TD 39] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXIV. obair le’n làimh; agus rinn iad suas tigh an Tighearna co-cheart as a bha e roimhe, agus dhaingnich iad e. 14 Agus an uair a chrìochnaich iad an obair, thug iad na dh’fhàgadh do’n airgiod an làthair an righ agus Iehoiada, agus rinn iad soithichean deth do thigh an Tighearna, soithichean-frithealaidh nan ìobairt-loisgte, agus spàinean, agus soithichean òir agus airgid: agus dh’ìobair iad iobairtean-loisgte a ghnàth ann an tigh an Tighearna, rè uile laithean Iehoiada. 15 Ach dh’fhàs Iehoiada sean, agus bha e làn do laithibh, agus fhuair e bàs: ceud agus deich bliadhna fichead a dh’aois bha e ’nuair a fhuair e bàs. 16 Agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh maille ris na righribh, a chionn gu’n d’rinn e maith ann an Israel, araon (1) a thaobh Dhé agus a thaobh a thighe. 17 Agus an déigh bàis Iehoiada thàinig uachdarain Iudah, agus rinn iad ùmhlachd do’n righ. An sin dh’éisd an righ riu. 18 Agus thréig iad tigh an Tighearna Dé an aithriche, agus rinn iad seirbhis do dhoireachaibh agus do dhealbhaibh (2): agus thàinig fearg air Iudah agus Ierusalem airson an ciontaidh. 19 Gidheadh chuir e fàidhean d’an ionnsuidh, gu’n toirt air an ais a dh’ionnsuidh an Tighearna, agus rinn iad fianuis ’nan aghaidh, ach cha d’éisd iadsan riu. 20 Agus thàinig spiorad an Tighearna air Sechariah mac Iehoiada an t-sagairt, agus sheas e os cionn an t-sluaigh, agus thubhairt e riu, Mar so tha Dia ag ràdh, Carson a tha sibh a’ briseadh àitheantan an Tighearna? uime sin cha soirbhich sibh. A chionn gu’n do thréig sibhse an Tighearn, tréigidh esan sibhse. 21 Agus chaidh iad ann an comh-bhoinn ’na aghaidh, agus chlach iad le clachaibh e air àithne an righ, ann an cùirt tighe an Tighearna: 22 Oir cha do chuimhnich Ioas an righ an caoimhneas a rinn Iehoiada athair ris, ach mharbh e a mhac: agus an uair a bha esan a’ faghail a’ bhàis, thubhairt e, Chi an Tighearn, agus agraidh (3) se. 23 Agus aig ceann (4) na bliadhna thàinig armailt Shiria nìos ’na aghaidh; agus thàinig iad gu Iudah agus gu h-Ierusalem, agus sgrios iad uile uachdarain an t-sluaigh o mheasg an t-sluaigh, agus chuir iad an creach uile dh’ionnsuidh righ Dhamascuis. 24 Oir le beagan dhaoine thàinig armailt Shiria, agus thug an Tighearna thairis ’nan làimh sluagh ro-mhòr, a chionn gu’n do thréig iad an Tighearna Dia an aithriche: uime sin rinn iad breitheanas an aghaidh Ioais. 25 Agus an uair a dh’imich iad uaith, a chionn gu’n d’fhàg iad e ann an eucailibh mòra, rinn a sheirbhisich féin ceannairc ’na aghaidh air son fola mhic (5) (1) an dà chuid. (2) ìodholaibh. (3) iarraidh, dìolaidh. (4) teachd mu’n cuairt. Eabh. (5) mhac. [TD 40] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXV. Iehoiada an t-sagairt, agus mharbh iad e air a leabaidh, agus an uair a fhuair e bàs, dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha d’adhlaic iad e ann an àitibh-adhlaic nan righ. 26 Agus is iad so iadsan a rinn ceannairc ’na aghaidh: Sabad mac Shimeait na Ban-amonaich, agus Iehosabad mac Shimrit na Bana-mhoabaich, agus a mhic. 27 A nis a thaobh meud na cìs a thog e (1), agus mar a rinn e suas tigh Dhé, feuch, tha iad scrìobhta ann an eachdraidh leabhair nan righ. Agus rìoghaich Amasiah a mhac ’na àit. CAIB. XXV. CUIG bliadhna fichead a dh’aois bha Amasiah ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e naoi bliadhna fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iehoadan o Ierusalem. 2 Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, ach cha b’ann le cridhe iomlan. 3 A nis an uair a dhaingnicheadh an rìoghachd dha, mharbh e a sheirbhisich a mharbh an righ athair. 4 Ach an clann cha do mharbh e, a réir mar a ta e scrìobhta anns an lagh ann an leabhar Mhaois, far an d’àithn an Tighearn, ag ràdh, Cha chuirear na h-aithriche gu bàs airson nam mac, agus cha chuirear na mic gu bàs air son nan aithriche; ach cuirear gach duine gu bàs air son a pheacaidh féin. 5 Agus chruinnich Amasiah Iudah r’a chéile, agus rinn e iad, a réir tighe an aithriche, ’nan ceannardaibh mhìltean agus ’nan ceannardaibh cheud, ann an Iudah agus ann am Beniamin uile: agus dh’àireamh e iad o fhichead bliadhna dh’aois agus os a chionn, agus fhuair e ann diubh tri cheud mìle fear taghta, a rachadh a mach gu cath, a laimhsicheadh sleagh agus sgiath. 6 Thuarasdalaich e mar an ceudna a h-Israel ceud mìle fear comasach gaisgeil (2) air cheud tàlann airgid. 7 Ach thàinig duine le Dia d’a ionnsuidh, ag ràdh, A righ, na rachadh armailt Israeil maille riut; oir cha ’n’eil an Tighearna maille re h-Israel, eadhon maille re cloinn Ephraim uile. 8 Ach ma’s àill leat imeachd, dean, bi làidir air son a’chatha: bheir Dia ort tuiteam roimh an nàmhaid; oir tha Dia comasach air còghnadh a dheanamh, agus air tilgeadh sìos. 9 Agus thubhairt Amasiah ris an duine le Dia, Ach ciod a ni sinn mu’n cheud tàlann a thug mi do armailt Israeil? Agus fhreagair an duine le Dia, Tha’n Tighearna comasach air mòran tuilleadh as sin a thabhairt duitse. 10 An sin sgaoil Amasiah iadsan do’n armailt a thàinig d’a ionnsuidh a h-Ephraim, a chum gu’n rachadh iad d’an àite féin. Agus las am fearg gu mòr an aghaidh Iudah, agus phill iad d’an àite féin ann an corruich mhòir. 11 Agus neartaich Amasiah e féin, agus thug e mach a (1) meud na h-eallaich a chuireadh air. (2) gaisgeach làidir. [TD 41] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXV. shluagh, agus chaidh e gu gleann an t-salainn, agus bhuail e do chloinn Sheir deich mìle. 12 Agus deich mìle dhiubh ghlac clann Iudah beo, agus thug iad leo iad gu mullach carraige, agus thilg iad sìos iad o mhullach na carraige, agus bhriseadh iad gu tur. 13 Ach bhris fir (1) na h-armailte a chuir Amasiah air an ais, a chum nach rachadh iad maille ris gu cath, a stigh air bailtibh Iudah, o Shamaria eadhon gu ruig Bet-horon, agus bhuail iad tri mìle dhiubh, agus thug iad leo creach mhòr. 14 Anis an déigh do Amasiah teachd o àr nan Edomach, thug e leis dée chloinn Sheir, agus chuir e suas iad dha féin mar dhéibh, agus chrom se e féin sìos rompa, agus loisg e tùis dhoibh. 15 Uime sin las fearg an Tighearna an aghaidh Amasiah, agus chuir e d’a ionnsuidh fàidh, a thubhairt ris, C’ar son a dh’iarr thu’n déigh dhiathan an t-sluaigh, nach b’urrainn an sluagh féin a shaoradh as do làimh-sa? 16 Agus an uair a bha e a’ labhairt ris, fhreagair esan e, An d’rinneadh thusa a’d’ chomhairliche (2) do’n righ? leig dhìot (3); c’ar son a bhiodh tu air do bhualadh? Agus leig am fàidh dheth, agus thubhairt e, Tha fios agam gu’n do shònraich (4) Dia air do sgrios, a chionn gu’n d’rinn thu so, agus nach d’éisd thu re m’ chomhairle-sa. 17 An sin ghabh Amasiah righ Iudah comhairle, agus chuir e teachdairean a dh’ionnsuidh Ioais, mhic Iehohais, mhic Iehu righ Israeil, ag ràdh, Thig, faiceamaid aghaidh a chéile. 18 Agus chuir Ioas righ Israeil teachdairean gu Amasiah righ Iudah, ag ràdh, Chuir am foghannan a bha ann an Lebanon teachdaire dh’ionnsuidh an t-seudair (5) a bha ann an Lebanon, ag ràdh, Thoir do nighean do m’ mhac-sa ’na mnaoi: agus chaidh fiadh-bheathach seachad a bha ann an Lebanon, agus shaltair e sìos am foghannan. 19 Thubhairt thu, Feuch, bhuail mi (6) Edom, agus thog do chridhe suas thu chum uaill a dheanamh: san anis aig do thigh: c’arson a bhiodh làmh agad ann an ni chum t’aimhleis, air chor as gu’n tuiteadh tu féin agus Iudah maille riut? 20 Ach cha d’éisd Amasiah ris; oir bha e o Dhia an toirt thairis ’na làimh, a chionn gu’n d’iarr iad an déigh dhiathan Edoim. 21 Uime sin chaidh Ioas righ Israeil suas, agus chunnaic e féin agus Amasiah righ Iudah aghaidh a chéile aig Bet-semes, a bhuineas do Iudah. 22 Agus bhuaileadh Iudah roimh Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsuidh a bhùtha. 23 Agus ghlac Ioas righ Israeil Amasiah righ Iudah mac Ioais, mhic Ahasiah (7), aig Betsemes, agus thug se e gu h-Ierusalem, agus bhris e sìos balladh Ierusaleim, o gheatadh Ephraim gu geatadh na h-oisne, ceithir cheud làmh-choille. 24 Agus [ghabh e] an t-òr agus an t-airgiod uile, agus na (1) mic. Eabh. (2) comhairleach. (3) bi d’ thosd. (4) shuidhich. (5) a’ cheudair. (6) thu. (7) Iehoahais. [TD 42] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXVI. soithichean uile a fhuaradh ann an tigh Dhé aig Obed-edom, agus ionmhasan tighe an righ, agus braighde-gill, agus phill e gu Samaria. 25 Agus mhair Amasiah mac Ioais, righ Iudah, beò an déigh bàis Ioais mhic Iehoahais righ Israeil, cùig bliadhna deug. 26 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Amasiah, an roiseach agus mu dheireadh, feuch, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar righrean Iudah agus Israeil? 27 Ach o’n àm anns an do a thionndaidh Amasiah o leantuinn an Tighearna, rinn iad a ceannairc (1) ’na aghaidh ann an Ierusalem, agus theich e gu Lachis: ach chuir iad daoine ’na dhéigh gu Lachis, agus mharbh iad e an sin. 28 Agus thug iad leo air eachaibh e, agus dh’adhlaic iad e maille r’a aithrichibh ann am baile Dhaibhidh (2). CAIB. XXVI. AGUS ghabh sluagh Iudah uile Udsiah (3), agus e sè bliadhna deug a dh’aois, agus rinn iad e ’na righ an àit athar Amasiah. 2 Thog esan Elat (4), agus dh’aisig se e do Iudah, an déigh do’n righ codal maille r’a aithrichibh. 3 Sè bliadhna deug a dh’aois bha Udsiah ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e dà bhliadhna dheug agus dà fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iecoliah o h-Ierusalem. 4 Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, a réir gach ni a rinn Amasiah athair. 5 Agus dh’iarr e Dia ann an laithibh Shechariah, a theagaisg e ann an eagal (5) Dé: agus fhad ’sa dh’iarr e an Tighearna, thug Dia air soirbheachadh. 6 Agus chaidh e mach, agus chog e ’n aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balladh Ghait, agus balladh Iabneth, agus balladh Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod (6), agus am measg nam Philisteach. 7 Agus chuidich Dia leis an aghaidh nam Philisteach, agus an aghaidh nan Arabach a bha ’nan còmhnuidh ann an Gurbaal, agus nan Amonach (7). 8 Agus thug na h-Amonaich tiodhlacan do Udsiah, agus chaidh ainm a mach gu ruig dol a steach na h-Eiphit, oir dh’fhàs e ro-chumhachdach. 9 Agus thog Udsiah tùir ann an Ierusalem aig geatadh na h-oisne, agus aig geatadh a’ ghlinne, agus aig an oisinn (8), agus dhaingnich e iad. 10 Agus thog e tùir anns an fhàsach, agus chlaghaich e mòran thobar; oir bha mòran spréidh aige, agus anns an tìr ìosail agus anns a’ chòmhnard treabhaichean, agus fìon-liosadairean (9) anns na sléibhtibh agus ann an Carmel, a chionn gu’m bu toigh leis tuathanachd. 11 Bha aig Udsiah mar an (1) coi’-chealg. (2) Iudah. (3) Asariah, II. Righ. Caib. xiv. r. 21. (4) Elot. (5) a bha tuigseach ann an seallannaibh. (6) mu thimchioll Asdoid. (7) nam Mehunach. (8) tionndadh a’ bhallaidh. (9) fìon-ghàradairean. [TD 43] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXVI. ceudna armailt do dhaoinibh a dheanadh cogadh, a rachadh a mach gu cath ’nam buidhnibh, a réir uibhir an àireimh (1) le làimh Ieieil an scrìobhuiche, agus Mhaaseiah an fhir-riaghlaidh, fuidh làimh Hananiah aon do uachdaranaibh an righ. 12 B’e àireamh iomlan phrìomh (2) aithriche nan daoine comasach gaisgeil, dà mhìle agus sè ceud. 13 Agus fuidh ’n làimh-san bha armailt, tri cheud mìle agus seachd mìle agus cùig ceud, a dheanadh cogadh le treun neart, a chuideachadh leis an righ an aghaidh an nàmhaid. 14 Agus dheasaich Udsiah air an son, eadhon do’n fheachd uile, targaidean, agus sleaghan, agus clogaidean, agus lùirichean, agus boghanna, agus cranna-tàbhuill a thilgeadh chlach. 15 Agus rinn e ann an Ierusalem innil-chogaidh a dhealbhadh le daoinibh ealanta (3) gu bhi air na tùraibh agus air oisnibh nam ballacha, a thilgeadh shaighead agus chlach mòr leo: agus chaidh ainm a mach an céin, oir b’iongantach an dòigh air an do chuidicheadh leis gus an d’fhàs e cumhachdach. 16 Ach an uair a dh’fhàs e cumhachdach, thogadh a chridhe suas a chum aimhleis, agus pheacaich e an aghaidh an Tighearna a Dhé: oir chaidh e steach do theampull an Tighearna, a losgadh tùise air altair na tùise. 17 Agus chaidh Asariah an sagart a steach ’na dhéigh, agus maille ris ceithir fichead sagart leis an Tighearna, fir threuna. 18 Agus sheas iad an aghaidh Udsiah an righ, agus thubhairt iad ris, Cha bhuin e dhuitse, Udsiah, tùis a losgadh do’n Tighearna, ach do na sagartaibh, mic Aaroin, a tha air an naomhachadh a losgadh tùise: imich a mach as an ionad naomha, oir pheacaich thu, agus cha bhi e dhuit a chum urraim o’n Tighearna Dia. 19 Agus bha fearg air Udsiah, agus tùiseir aige ’na làimh a losgadh tùise: agus an uair a bha fearg air ris na sagartaibh, air ball dh’éirich luibhre suas ann an clàr eudain am fianuis nan sagart ann an tigh an Tighearna os cionn (4) altaire na tùise. 20 Agus dh’amhairc Asariah an t-ard shagart, agus na sagartan uile air agus feuch, bha luibhre air ann an clàr eudain, agus ghreas iad a mach as sin e; agus rinn e féin mar an ceudna cabhag gu dol a mach, a chionn gu’n do bhuail an Tighearn e. 21 Agus bha Udsiah an righ ’na lobhar gu la a bhàis, agus ghabh e còmhnuidh ann an tigh air leth mar fhear a bha ’na lobhar, an uair a dhruideadh a mach e a tigh (5) an Tighearna: agus bha Iotam a mhac os cionn tighe an righ, a’ toirt breth air sluagh na tìre. 22 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Udsiah, an toiseach agus mu dheireadh, scrìobh Isaiah am fàidh mac Amois. 23 Agus choidil Udsiah maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaic iad e maille r’a aithrichibh ann (1) an cunntais, am meas. (2) cheann. Eabh. (3) innleachdacha. (4) o thaobh. (5) oir ghearradh as e o thigh. [TD 44] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXVII. XXVIII. am magh àit-adhlacaidh nan righ: oir thubhairt iad. Tha e ’na lobhar. Agus rìoghaich Iotam a mhac ’na àit. CAIB. XXVII. CUIG bliadhna fichead a dh’aois bha Iotam an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e sè bliadhna deug ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ierusa, nighean Shadoic. 2 Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, a réir nan uile nithe a rinn Udsiah athair: gidheadh cha deachaidh e steach do theampull an Tighearna, agus bha’n sluagh fathast truaillidh. 3 Thog e geatadh ard tighe an Tighearna, agus air balladh Opheil thog e mòran. 4 Agus thog e bailtean ann an sléibhtibh Iudah, agus anns na coilltibh thog e caistealan agus tùir. 5 Agus chog e re righ chloinn Amoin, agus thug e buaidh orra. Agus thug clann Amoin dha air a’ bhliadhna sin féin ceud tàlann airgid, agus deich mìle tomhas (1) cruithneachd, agus deich mìle tomhas eorna. So thug clann Amoin seachad da, araon air an dara bliadhna, agus air an treas. 6 Agus dh’fhàs Iotam cumhachdach, a chionn gu’n do dheasaich e a shlighean am fianuis an Tighearn a Dhé. 7 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iotaim, agus a choganna uile, agus a shlighean, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar righrean Israeil agus Iudah. 8 Cùig bliadhna fichead a dh’aois bha e ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e sè bliadhna deug ann an Ierusalem. 9 Agus choidil Iotam maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh: agus rìoghaich Ahas a mhac ’na àit. CAIB. XXVIII. FICHEAD bliadhna (2) dh’aois bha Ahas an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e sè bliadhna deug ann an Ierusalem: agus cha d’rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, mar a rinn Daibhidh athair. 2 Ach dh’imich e ann an slighibh righrean Israeil, agus mar an ceudna rinn e dealbhan leaghta do Bhaalim. 3 Agus loisg e tùis ann an gleann Bhen-hinoim (3), agus loisg e a chlann anns an teine a réir ghràineileachd nan cinneach, a thilg an Tighearna mach roimh chloinn Israeil. 4 Agus dh’ìobair e agus loisg e tùis anns na h-àitibh arda, agus air na cnoic, agus fuidh gach craoibh uaine. 5 Uime sin thug an Tighearn a Dhia thairis e an làimh righ nan Sirianach (4), agus bhuail iad e, agus thug iad leo mòran diubh ’nam braighdibh, agus thug siad iad gu Damascus: agus thugadh mar an ceudna (1) cor. Eabh. (2) Cùig bliadhna fichead. (3) gleann mhic Hinoim. (4) righ Shiria. [TD 45] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXVIII. thairis e an làimh righ Israeil, a bhuail e le h-àr mòr. 6 Agus mharbh Pecah mac Remaliah ann an Iudah ceud agus fichead mìle ann an aon la, fir threuna (1) uile; a chionn gu’n do thréig iad an Tighearna Dia an aithriche. 7 Agus mharbh Sichri, duine treun do Ephraim, Maaseiah mac an righ, agus Asricam uachdaran an tighe, agus Elcanah a b’fhaigse do’n righ. 8 Agus thug clann Israeil leo ’nam braighdibh d’am bràithribh dà cheud mìle bean, mac agus nighean, agus thog iad mar an ceudna creach mhòr uatha, agus thug iad a’ chreach gu Samaria. 9 Ach bha fàidh leis an Tighearn an sin d’am b’ainm Oded, agus chaidh e mach am fianuis an t-slòigh a thàinig gu Samaria, agus thubhairt e riu, Feuch, a chionn gu robh fearg air an Tighearna Dia bhur n-aithriche re Iudah, thug e thairis iad ann bhur làimh-sa, agus mharbh sibh iad le buirbe a ràinig suas gu nèamh. 10 Agus a nis tha sibh a’ cur roimhibh clann Iudah agus Ierusaleim a chur fuidhibh mar thràillibh agus mar bhan-tràillibh agaibh. Nach ’eil idir agaibhse, eadhon agaibhse peacanna an aghaidh an Tighearna bhur Dé? 11 A nis ma ta éisdibh riumsa, agus thugaibh air an ais na braighdean a thug sibh leibh ann am braighdeanas o bhur bràithribh; oir tha fearg laiste an Tighearna ribh. 12 An sin dh’éirich daoine àraidh do cheannaibh (2) chloinn Ephraim, Asariah mac Iohanain, Berechiah mac Mhesilemoit, agus Iehisciah mac Shaluim, agus Amasa mac Hadlai, suas ’nan aghaidh-san a thàinig o’n chogadh, 13 Agus thubhairt iad riu, Cha d’thoir sibh na braighdean a steach an so; oir bhiodh sin ’na chionta an aghaidh an Tighearna oirnne. Tha sibhse a’ cur roimhibh tuilleadh a chur r’ar peacannaibh, agus r’ar cionta, ’nuair a ta ar cionta cheana mòr agus fearg laiste re h-Israel. 14 An sin dh’fhàg na daoine a bha fo ’n armaibh (3) na braighdean agus a’ chreach am fianuis nan uachdaran agus a’ chomhchruinnich uile. 15 Agus dhéirich na daoine a ghairmeadh air an ainm, agus ghabh iad na braighdean, agus dh’eudaich iad leis a’ chreich iadsan uile a bha lomnochd dhiubh, agus an uair a chuir iad eudach agus brògan orra, thug iad orra itheadh agus òl, agus dh’ung siad iad, agus chuir iad air asalaibh iadsan uile a bha anmhunn diubh, agus thug siad iad gu Iericho, baile nan craobh pailme, a dh’ionnsuidh am bràithrean; agus phill iad gu Samaria. 16 San àm sin chuir righ Ahas fios a dh’ionnsuidh righ (4) Asiria, e chuideachadh leis. 17 Oir thàinig na h-Edomaich arìs, agus bhuail iad Iudah, agus thug iad leo braighdean. (1) mic neirt. Eabh. (2) do phrìomh dhaoinibh, ard uaislibh. (3) na daoine armaichte. (4) righrean. Faic. II. Righ. Caib. xvi. r. 7. [TD 46] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXIX. 18 Thug na Philistich mar an ceudna ionnsuidh (1) air bailtibh a’ chòmhnaird, agus air an taobh deas do Iudah, agus ghlac iad Bet-semes, agus Aialon, agus Gederot, agus Socho le bhailtibh beaga, agus Timnah le bhailtibh beaga, agus Gimso le bhailtibh beaga, agus Gimso le bhailtibh beaga; agus ghabh iad còmhnuidh an sin. 19 Oir rinn an Tighearn Iudah ìosal air son Ahais righ Iudah (2), a chionn gu’n d’rinn e Iudah lomnochd, agus gu’n d’rinn e cionta mòr an aghaidh an Tighearna. 20 Uime sin thàinig Tilgat-pilneser righ Asiria d’a ionnsuidh, agus shàraich (3), ach cha do neartaich se e. 21 Oir ghabh Ahas cuibhrionn a tigh an Tighearna, agus a tigh an righ, agus o na h-uachdaranaibh, agus thug e sin do righ Asiria; ach cha do chuidich e leis. 22 Agus an àm a theanntachd rinn e fathast tuilleadh ciontaidh an aghaidh an Tighearna, an righ so féin Ahas. 23 Oir dh’ìobair e do dhéibh Dhamascuis a bhuail e, agus thubhairt e, A chionn gu’n cuidich dée righrean Shiria leo, ìobraidh mise dhoibh a chum gu’n cuidich iad leamsa: ach is ann a bha iad ’nan aobhar sgrios dha féin, agus do Israel uile. 24 Agus chruinnich Ahas soithichean tighe Dhé, agus ghearr e ’nam mìribh soithichean tighe Dhé, agus dhruid e dorsan tighe an Tighearna. Agus rinn e dha féin altairean anns gach cearn do h-Ierusalem. 25 Agus anns gach baile fa leth do Iudah rinn e àitean arda, chum tùis a losgadh do dhéibh coimheach, agus bhrosnaich e gu feirg an Tighearna Dia aithriche. 26 Agus a’ chuid eile d’a ghnìomharaibh agus d’a shlighibh uile, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar righrean Iudah agus Israeil. 27 Agus choidil Ahas maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaic iad e anns a’ bhaile, ann an Ierusalem; ach cha d’thug iad e do àitibh-adhlaic righrean Israeil: agus rìoghaich Heseciah a mhac ’na àit. CAIB. XXIX. THOISICH Heseciah air rìoghachadh ’nuair a bha e cùig bliadhna fichead a dh’aois, agus rìoghaich e naoi bliadhna fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Abiah (4), nighean Shechariah. 2 Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, a réir nan uile nithe a rinn Daibhidh athair. 3 Anns a’ cheud bhliadhna d’a rìoghachadh, air a’ cheud mhìos, dh’fhosgail e dorsan tighe an Tighearna, agus chàirich e iad. 4 Agus thug e stigh na sagairt agus na Lebhithich, agus chrunnich e iad do’n t-sràid an ear. 5 Agus thubhairt e riu, Eisdibh rium, a Lebhitheacha; a (1) Bhris na Philistich a stigh. (2) Israeil. (3) theannaich, chuir e ’na éiginn. (4) Abi. II. Righ. Caib. xviii. r. 2. [TD 47] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXIX. nis naomhaichibh sibh féin, agus naomhaichibh tigh an Tighearna Dé bhur n-aithriche, agus thugaibh a mach an salchar as an ionad naomha: 6 Oir pheacaich ar n-aithriche, agus rinn iad an ni a bha olc ann an sùilibh an Tighearna ar Dé agus thréig iad e, agus thionndaidh iad an aghaidhean o phàilliun an Tighearna, agus chuir iad cùl ris. 7 Mar an ceudna dhruid iad dorsan an sgàth-thighe, agus chuir iad as na lòchrain, agus cha do loisg iad tùis, agus cha d’thug iad ìobairtean-loisgte suas anns an ionad naomha, do Dhia Israeil. 8 Uime sin bha fearg an Tighearna re Iudah agus re h-Ierusalem, agus thug e thairis iad do thuairgne (1), do uamhann (2), agus do sgeig, mar a chi sibh le’r sùilibh 9 Oir feuch, thuit ar n-aithriche leis a’ chlaidheamh, agus tha ar mic, agus ar nigheana, agus ar mnài ann am braighdeanas air son so. 10 A nis tha e ann am chridhe coi’-cheangal a dheanamh ris an Tighearna Dia Israeil, a chum gu’n tionndaidh fhearg laiste uainn. 11 Mo mhic, na bithibh a nis dearmadach; oir thagh an Tighearna sibh gu seasamh ’na làthair a dheanamh seirbhis da, agus gu bhi a’ frithealadh dha agus a’ losgadh tùise. 12 An sin dh’éirich na Lebhithich, Mahat mac Amasai, agus Ioel mac Asariah, do mhacaibh nan Cohatach: agus do mhacaibh Mherari, Cis mac Abdi, agus Asariah mac Iahaleleil: agus do na Gersonaich, Ioas mac Shimah, agus Eden mac Ioah: 13 Agus do mhacaibh Elisaphain, Simri agus Iehiel: agus do mhacaibh Asaiph, Sechariah agus Mataniah: 14 Agus do mhacaibh Hemain, Iehiel agus Simei . agus do mhacaibh Iedutuin, Semaiah agus Udsiel. 15 Agus chruinnich iad am bràithrean, agus naomhaich siad iad féin, agus thàinig iad a réir àithne an righ ann am briathraibh an Tighearna, a ghlanadh tighe an Tighearna. 16 Agus chaidh na sagairt do’n chuid a b’fhaide steach do thigh an Tighearna g’a ghlanadh, agus thug iad a mach gach salchar a fhuair iad ann an teampull an Tighearna, gu cùirt tighe an Tighearna. Agus thog na Lebhithich leo e, gu thoirt a mach gu sruth Chidroin. 17 A nis thòisich iad air a’ cheud la do’n cheud mhìos air naomhachadh (3), agus air an ochdamh la do’n mhìos thàinig iad gu sgàth-thigh an Tighearna, agus naomhaich iad tigh an Tighearna ann an ochd laithibh, agus air an t-seathadh la deug do’n cheud mhìos chrìochnaich iad an obair. 18 An sin chaidh iad a steach a dh’ionnsuidh Heseciah an righ, agus thubhairt iad, Ghlan sinn tigh an Tighearna uile, agus altair na h-ìobairt-loisgte maille r’a soithichibh uile, agus bord an arain thaisbeanta maille r’a shoithichibh uile. (1) theinn, amhluadh. (2) iongantas. (3) glanadh. [TD 48] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXIX. 19 Agus na soithiche sin uile a chuir righ Ahas, an uair a rìoghaich e, air falbh ’na eusaontas, dheasaich sinne agus naomhaich sinn, agus feuch, tha iad fa chomhair altair an Tighearna. 20 An sin dh’éirich Heseciah an righ gu moch, agus chruinnich e uachdarain a’ bhaile, agus chaidh e suas do thigh an Tighearna. 21 Agus thug iad leo seachd tairbh òga, agus seachd reitheacha, agus seachd uain, agus seachd buic-gaibhre mar ìobairt-pheacaidh airson na rìoghachd, agus airson an ionaid naomha, agus air son Iudah: agus dh’àithn e do na sagartaibh, mic Aaroin, an ìobradh air altair an Tighearna. 22 Uime sin mharbh iadsan na tairbh, agus ghabh na sagairt an fhuil, agus chrath iad i air an altair: mharbh iad mar an ceudna na reitheachan, agus chrath iad an fhuil air an altair: mharbh iad cuideachd na h-uain, agus chrath iad an fhuil air an altair. 23 Agus thug iad leo na buic-gaibhre air son na h-ìobairt-pheacaidh an làthair an righ agus a’ choi’-thionail, agus chuir iad an làmhan orra: 24 Agus mharbh na sagairt iad, agus chrath iad am fuil (1) air an altair chum réite dheanamh air son Israeil uile: oir dh’àithn an righ an ìobairt-loisgte agus an ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile. 25 Agus chuir e na Lebhithich ann an tigh an Tighearna le ciombalaibh, le saltairibh, agus le clàrsaichibh, a réir àithne Dhaibhidh, agus Ghaid fhir-sheallaidh an righ, agus Natain an fhàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh fhàidhean. 26 Agus sheas na Lebhithich le h-innealaibh Dhaibhidh, agus na sagairt leis na trompaidibh. 27 Agus dh’àithn Heseciah an ìobairt-loisgte ìobradh air an altair: agus an uair a thòisich an ìobairt-loisgte, thòisich mar an ceudna laoidh an Tighearna leis na trompaidibh, agus le h-innealaibh Dhaibhidh righ Israeil. 28 Agus rinn an coi’-thional uile aoradh, agus sheinn an luchd-seinn, agus shéid na trompadairean: mhair so uile gus an do chrìochnaicheadh an ìobairt-loisgte. 29 Agus an uair a chuir iad crìoch air ìobradh, chrom an righ agus iadsan uile a bha maille ris iad féin (2), agus rinn iad aoradh. 30 Agus dh’àithn Heseciah an righ agus na h-uachdarain do na Lebhithich gu moladh iad an Tighearn am briathraibh Dhaibhidh, agus Asaiph an fhir-sheallaidh: agus mhol iad le subhachas, agus chrom iad an cinn, agus rinn iad aoradh. 31 An sin fhreagair Heseciah, agus thubhairt e, A nis choisrig sibh sibh féin do’n Tighearna: thigibh am fagus, agus thugaibh leibh ìobairtean, agus tabhartais-buidheachais do thigh an Tighearna. Agus thug an coi’-thional a steach ìobairtean, agus tabhartais-buidheachais, agus iadsan uile a bha toileach ’nan cridhe, tabhartais-loisgte. (1) rinn iad réite le’m fuil. (2) iad féin air an glùinibh. [TD 49] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXX. 32 Agus b’e àireamh nan tabhartas-loisgte a thug an coi’-thional leo, tri fichead agus deich tairbh òga, ceud reithe, dà cheud uan; iad sin uile chum ìobairt-loisgte do’n Tighearna. 33 Agus na nithe coisrigte, sè ceud bò, agus tri mìle caora. 34 Ach bha na sagairt tearc, agus cha b’urrainn iad na tabhartais-loisgte uile fhionnadh: uime sin chuidich am bràithre na Lebhithich leo gus an do chrìochnaicheadh an obair, agus gus an do naomhaich na sagairt iad féin; oir bha na Lebhithich ni bu deise (1) ’nan cridhe chum iad féin a naomhachadh na na sagairt. 35 Agus mar an ceudna bha na tabhartais-loisgte am pailteas, maille re saill nan tabhartas-sìth agus nan tabhartas-dibhe, chum na h-ìobairt-loisgte. Agus dheasaicheadh (2) seirbhis tighe an Tighearna. 36 Agus rinn Heseciah agus an sluagh uile gairdeachas, a chionn gu’n do dheasaich Dia airson an t-sluaigh: oir rinneadh an ni gu grad. CAIB. XXX. AGUS chuir Heseciah fios gu h-Israel uile agus gu Iudah, agus mar an ceudna scrìobh e litrichean gu h-Ephraim agus gu Manaseh, iad a theachd gu tigh an Tighearna ann an Ierusalem, a chumail na càisge do’n Tighearna Dia Israeil. 2 Agus ghabh an righ comhairle, agus uachdarain, agus an coi’-thional uile ann an Ierusalem, a’ chàisg a chumail air an dara mìos. 3 Oir cha b’urrainn iad a cumail san àm sin, a chionn nach do naomhaich na sagairt iad féin gu leòr, agus nach robh an sluagh air cruinneachadh gu h-Ierusalem. 4 Agus thaitinn an ni ris an righ, agus ris a’ choi’-thional uile. 5 Agus shuidhich iad reachd, gairm a thabhairt air feadh Israeil uile o Bheer-seba eadhon gu Dan, iad a theachd a chumail na càisge do’n Tighearna Dia Israeil ann an Ierusalem; oir cha do chum mòran i (3) mar a bha e scrìobhta. 6 Agus chaidh na gillean-ruithe le litrichibh o’n righ agus o uachdaranaibh air feadh Israeil uile agus Iudah, agus a réir àithne an righ, ag radh, A chlann Israeil, pillibh a dh’ionnsuidh an Tighearna Dé Abrahaim, Isaaic, agus Israeil, agus pillidh esan a dh’ionnsuidh an fhuighill dibh a chaidh as o làimh righrean Asiria. 7 Agus na bithibh cosmhuil re’r n-aithrichibh, agus cosmhuil re’r bràithribh, a pheacaich an aghaidh an Tighearna Dé an aithriche, agus thug esan thairis iad gu léir-sgrios, mar a chi sibh. 8 A nis na bithibhse cruaidh-mhuineileach cosmhuil re’r n-aithrichibh: thugaibh sibh féin thairis do’n Tighearna, agus rachaibh a steach d’a ionad naomha, a naomhaich e gu bràth; agus deanaibh seirbhis (1) ni bu dìriche, ionraice. (2) shuidhicheadh, chuireadh an ordugh. (3) cha do chum iad i rè ùine fhada. [TD 50] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXX. do’n Tighearna bhur Dia, a chum as gu tionndaidh lasan fheirge air falbh uaibh. 9 Oir ma philleas sibh a dh’ionnsuidh an Tighearna, [gheibh] bhur bràithrean agus bhur clann iochd ’nam fianuis-san a thug leo am braighdeanas iad, air chor as gu pill iad a dh’ionnsuidh na tìre so: oir gràsmhor agus tròcaireach tha’n Tighearna bhur Dia, agus cha tionndaidh e a ghnùis air falbh uaibh, ma philleas sibh d’a ionnsuidh. 10 Agus chaidh na gillean-ruithe thairis o bhaile gu baile, air feadh tìre Ephraim agus Mhanaseh, eadhon gu ruig Sebulun: ach bha iad a’ fanoid orra, agus a’ deanamh ball-magaidh dhiubh. 11 Gidheadh, dh’irioslaich daoine àraidh do Aser, agus do Mhanaseh, agus do Shebulun iad féin, agus thàinig iad gu h-Ierusalem. 12 Mar an ceudna ann an Iudah bha làmh Dhé a thoirt aon chridhe dhoibh, a dheanamh àithne an righ agus nan uachdaran, a réir focail an Tighearna. 13 Agus chruinnich ann an Ierusalem mòran sluaigh, a chumail féill an arain neo-ghoirtichte anns an dara mìos, co’-chruinneachadh ro-mhòr. 14 Agus dh’éirich iad, agus thug iad air falbh na h-altairean a bha ann an Ierusalem, agus na h-altairean uile air son tùise thug iad air falbh, agus thilg siad iad ann an sruth Chidroin. 15 Agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh la deug do’n dara mìos, agus bha nàir air na sagairt agus air na Lebhithich, agus naomhaich siad iad féin, agus thug iad a steach ìobairtean-loisgte do thigh an Tighearna. 16 Agus sheas iad ’nan àit a réir an riaghailte (1), a réir lagha Mhaois òglaich Dhé; agus chrath na sagairt an fhuil a ghabh iad o làimh nan Lebhitheach. 17 Oir bha mòran anns a’ choi’-thional nach robh air an naomhachadh: uime sin bha cùram marbhaidh na càisge air na Lebhithich, air son gach neach nach robh glan, a chum an naomhachadh do’n Tighearn. 18 Oir cha do ghlan mòran do’n t-sluagh, mòran do Ephraim, agus do Mhanaseh, do Isachar, agus do Shebulun iad féin; gidheadh, dh’ith iad a’ chàisg, cha b’ann mar a ta e scrìobhta. 19 Ach rinn Heseciah urnuigh air an son, ag ràdh, Gu d’thugadh an Tighearna maith maitheanas do gach aon, a dheasaich a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna Dé (2) aithriche, ge nach ’eil e glan a réir glanaidh an ionaid naomha. 20 Agus dh’éisd an Tighearna re Heseciah, agus leighis e an sluagh. 21 Agus chum clann Israeil a bha làthair ann an Ierusalem féill an arain neo-ghoirtichte seachd laithean le mòr ghairdeachas: agus mhol na Lebhi- (1) am modha. (2) Dhé, an Tighearna Dé. [TD 51] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXI. thich agus na sagairt an Tighearn o la gu la, a’ seinn le h-innealaibh fuaimneach do’n Tighearna. 22 Agus labhair Heseciah gu caoimhneil (1) ris na Lebhithich uile, a theagaisg eòlas maith (2) an Tighearna: agus dh’ith (3) iad air an fhéill rè sheachd làithean, ag ìobradh ìobairte-sìth, agus a’ cliùthachadh an Tighearna Dé an aithriche. 23 Agus ghabh an coi’-thional uile comhairle seachd laithean eile a chumail: agus chum iad seachd laithean eile le h-aoibhneas. 24 Oir thug Heseciah righ Iudah suas do’n choi’-thional mìle tarbh òg, agus seachd mìle caora; agus thug na h-uachdarain suas do’n choi’-thional mìle tarbh òg, agus deich mìle caora: agus naomhaich mòran shagart iad féin. 25 Agus rinn coi’-thional Iudah uile gairdeachas, agus na sagairt, agus na Lebhithich, agus an coi’-thional uile a thàinig a h-Israel, agus na coigrich a thàinig a tìr Israeil, agus a bha chòmhnuidh ann an Iudah. 26 Mar sin bha mòr aoibhneas ann an Ierusalem; oir o laithibh Sholaimh, mhic Dhaibhidh, righ Israeil, cha robh a leithid ann an Ierusalem. 27 An sin dh’éirich na sagairt agus na Lebhithich, agus bheannaich iad an sluagh: agus chuala [Dia] an guth, agus thàinig an urnuigh suas d’a àite-còmhnuidh naomha-san, do nèamh. CAIB. XXXI. AGUS an uair a chrìochnaicheadh so uile, chaidh Israel uile a bha làthair a mach do bhailtibh Iudah, agus bhris iad na dealbhan, agus ghearr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h-ionadan arda agus na h-altairean as Iudah uile agus a Beniamin, agus ann an Ephraim agus Manaseh gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin phill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsuidh a sheilbhe féin, d’am bailtibh féin. 2 Agus shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lebhitheach a réir an roinnean, gach duine a réir a sheirbhis féin, na sagairt agus na Lebhithich airson nan ìobairt-loisgte agus airson nan ìobairt-shìth, a fhrithealadh, agus a thabhairt buidheachais, agus a chliùthachadh ann an geatachaibh champ an Tighearna: 3 Cuibhrionn an righ mar an ceudna d’a mhaoin, airson nan ìobairt-loisgte, airson ìobairte-loisgte na maidne agus an fheasgair, agus ìobairte-loisgte nan sàbaid, agus nan gealach nomha, agus nam féill suidhichte, mar a ta e scrìobhta ann an lagh an Tighearna. 4 Dh’àithn e cuideachd do’n t-sluagh a bha chòmhnuidh ann an Ierusalem, gu’n d’thugadh iad seachad cuibhrionn nan sagart agus nan Lebhitheach, chum gu’m biodh iad air an daingneachadh ann an lagh an Tighearna. 5 Agus co luath as a thàinig an àithne mach, thug clann Is- (1) re’n cridhe. Eabh. (2) a bha tuigsinn eòlais mhaith. (3) choimhlion, chum. [TD 52] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXI. raeil seachad gu pailt ceud thoradh an arbhair, an fhìona, agus na h-ola (1), agus na meala, agus uile fhàis (2) an fhearainn; agus deachamh nan uile nithe thug iad astigh ann am pailteas. 6 Agus a thaobh chloinn Israeil agus Iudah a bha chòmhnuidh ann am bailtibh Iudah, thug iadsan mar an ceudna stigh deachamh a’ bhuair agus nan caorach, agus deachamh nan nithe naomha a bha air an naomhachadh do’n Tighearn an Dia, agus rinn iad mòran chruach diubh. 7 Anns an treas mìos thòisich iad air bunaitean nan cruach a leagadh, agus anns an t-seachdamh mìos chrìochnaich siad iad. 8 Agus thàinig Heseciah agus na h-uachdarain, agus chunnaic iad na cruachan, agus bheannaich iad an Tighearn agus a shluagh Israel. 9 Agus dh’fhiosraich Heseciah do na sagairt agus na Lebhithich mu thimchioll nan cruach. 10 Agus fhreagair Asariah an t-ard shagart do thigh Shadoic e, agus thubhairt e, O’n a thòisich iad air na tabhartais a thoirt a steach do thigh an Tighearna, dh’ith sinn gus an do shàsuicheadh sinn, agus dh’fhàg sinn pailteas: oir bheannaich an Tighearn a shluagh, agus dh’fhàgadh am pailteas mòr so. 11 An sin dh’àithn Heseciah seomraichean (3) ulluchadh ann an tigh an Tighearna; agus dh’ulluich siad iad. 12 Agus thug iad a stigh na tabhartais, agus an deachamh, agus na nithe naomhaichte gu fìrinneach; agus os an cionn bha Cononiah an Lebhitheach ’na riaghlair, agus Simei a bhràthair san àit a b’fhaigse. 13 Agus bha Iehiel, agus Asariah, agus Nahat, agus Asahel, agus Ierimot, agus Iosabad, agus Eliel, agus Ismahiah, agus Mahat, agus Benaiah, ’nan luchd-amhairc thairis fuidh làimh Chononiah, agus Shimei a bhràthar, air àithne Heseciah an righ, agus Asariah uachdarain tighe Dhé. 14 Agus bha Core mac Imnah an Lebhitheach, an dorsair a làimh na h-aird an ear, os cionn shaor thiodhlacadh Dhé, chum gu’n d’thugadh a seachad tabhartais an Tighearna, agus na nithe ro-naomha: 15 Agus làimh ris-san Eden, agus Beniamin (4), agus Iesua, agus Semaiah, agus Amariah, agus Secaniah, ann am bailtibh nan sagart ’nan cùram (5), a thabhairt d’am bràithribh ’nan roinnibh (6), mar do’n mhòr mar sin do’n bheag. 16 A thuilleadh air àireamh nam firionnach a réir an ginealach o thri bliadhna dh’aois agus os a chionn, do gach neach a théid a steach do thigh an Tighearna, a chuibhrionn lathail, air son an seirbhis ’nan cùram, a réir an roinnean; 17 Araon do àireamh nan sagart a réir an ginealacha, a réir tighe an aithriche, agus nan Lebhitheach o fhichead bliadhna dh’aois agus os a chionn, (1) an olaidh. (2) chinnis. (3) àitean-tasgaidh. (4) Miniamin. (5) ’nan dreuchd shuidhichte. (6) ’nan sealaibh. [TD 53] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXII. ’nan cùram, a réir an roinnean; 18 Agus do àireamh an cloinne bige uile a réir an ginealacha, am ban, agus am mac, agus an nigheana, do’n choi’-thional uile: oir ’nan cùram naomhaich siad iad féin gu mòr: 19 Agus do mhacaibh Aaroin na sagartaibh ann am fearann comh-roinn am bailtean, anns gach baile fa leth na daoine a dh’ainmicheadh air an ainm, a thabhairt an cuibhrionna do gach firionnach am measg nan sagart, agus dhoibhsan uile a bha air an àireamh a réir an ginealacha am measg nan Lebhitheach. 20 Agus rinn Heseciah mar so air feadh Iudah uile: agus rinn e an ni sin a bha maith, agus ceart, agus fìrinneach ann am fianuis an Tighearna a Dhé. 21 Agus a thaobh gach oibre air an do thòisich e ann an seirbhis tighe Dhé, agus anns an lagh, agus anns na h-àitheantaibh, a dh’iarraidh a Dhe, rinn e i le uile chridhe, agus shoirbhich e. CAIB. XXXII. AN déigh nan nithe so agus an uair a bha iad air an suidheachadh, thàinig Senacherib righ Asiria, agus chaidh e steach do Iudah, agus champaich e an aghaidh nam bailte daingnichte, agus shònraich (1) e air an cosnadh dha féin. 2 Agus an uair a chunnaic Heseciah gu’n d’thàinig Senacherib, agus gu’n robh e cur roimhe cogadh an aghaidh Ierusaleim, 3 Chuir e chomhairle r’a uachdaranaibh agus r’a dhaoinibh cumhachdacha, uisgeacha nan tobar a bha’n taobh a muigh do’n bhaile a dhùnadh suas; agus chuidich iad leis. 4 Agus chruinnich sluagh mòr, agus dhùin iad suas na tobraichean uile, agus na sruthain a bha ruith ann am meadhon na tìre, ag ràdh, Carson a thigeadh righrean Asiria, agus a gheibheadh iad mòran uisge? 5 Agus dhaingnich se e féin, agus thog e am balladh uile a chaidh bhriseadh, agus chuir e suas tùir air (2), agus balladh eile air an taobh a muigh, agus dhaingnich e Milo baile Dhaibhidh agus rinn e gathanna agus targaidean ann am pailteas. 6 Agus chuir e ceannardan cogaidh os cionn an t-sluaigh, agus chruinnich e iad d’a ionnsuidh ann an sràid geataidh a’ bhaile, agus labhair e ra’n cridhe, ag ràdh, 7 Bithibh làidir agus bithibh misneachail, na biodh eagal agus na biodh faitcheas oirbh roimh righ Asiria, no roimh ’n t-sluagh mhòr so uile a tha maille ris; oir is mò a ta leinne na leis-san. 8 Leis-san tha gairdean feòla, ach leinne tha’n Tighearn ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh a briathraibh Heseciah righ Iudah. 9 ’Na dhéigh so chuir Senacherib righ Asiria a sheirbhisich gu h-Ierusalem (oir bha e féin (1) shaoil; thubhairt. Eabh. (2) chuir e suas e gu ruig na tùir. [TD 54] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXII. aig Lachis, agus a neart uile maille ris) a dh’ionnsuidh Heseciah righ Iudah, agus a dh’ionnsuidh Iudah uile, a bha aig Ierusalem, ag ràdh, 10 Mar so tha Senacherib righ Asiria ag ràdh, Cia as a tha sibh ag earbsadh, agus sibh a’ fantuinn ’nar daingneach ann an Ierusalem? 11 Nach ’eil Heseciah ’gar comhairleachadh sibh féin a thoirt thairis gu bàs le gortadh agus le tart, ag ràdh, Saoraidh an Tighearn ar Dia sinn a làimh righ Asiria? 12 Nach do chuir Heseciah so féin air falbh àitean arda, agus altairean, agus nach d’àithn e do Iudah agus do Ierusalem, ag ràdh, Fa chomhair aon altarach sleuchdaidh sibh, agus loisgidh sibh tùis oirre? 13 Nach ’eil fhios agaibh ciod a rinn mise agus m’aithriche re uile shluagh nan dùchanna? an robh dée chinneach nan tìr sin comasach air an tìr féin a shaoradh as mo làimh-sa? 14 Cò am measg uile dhée nan cinneach sin a sgrios m’aithriche-sa gu tur, a b’urrainn a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, gu’m biodh bhur Dia-sa comasach air bhur saoradh as mo làimh? 15 A nis ma ta na mealladh Heseciah sibh, agus na comhairlicheadh (1) e sibh mar so, agus na creidibh e; oir cha robh dia air bith cinnich no rìoghachd sam bith comasach air a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, agus as làimh m’aithriche: nach lugha gu mòr na sin is urrainn bhur Dia-sa bhur saoradh as mo làimh? 16 Agus labhair a sheirbhisich tuilleadh as so an aghaidh an Tighearna Dé, agus an aghaidh a sheirbhisich Heseciah. 17 Scrìobh e mar an ceudna litrichean a chàineadh an Tighearna Dé Israeil, agus a labhairt ’na aghaidh, ag ràdh, Mar nach do shaor dée chinneach nan dùchanna an sluagh as mo làimh-sa, mar sin cha saor Dia Heseciah a shluagh as mo làimh. 18 Ghlaodh iad cuideachd le guth ard sa’ chànain Iudhaich re sluagh Ierusaleim a bha air a’ bhalladh, gu eagal agus buaireas a chur orra, chum gu’n glacadh iad am baile. 19 Agus labhair iad an aghaidh Dhé Ierusaleim, mar an aghaidh dhée shluaigh na talmhainn, oibre làmha dhaoine. 20 Agus rinn Heseciah an righ, agus am fàidh Isaiah mac Amois, urnuigh air son so, agus ghlaodh iad gu nèamh. 21 Agus chuir an Tighearn aingeal uaith, a sgrios na daoine comasach gaisgeil uile, agus na ceannardan, agus na h-uachdarain ann an camp righ Asiria: uime sin phill e le nàire gnùise d’a thìr féin. Agus an uair a chaidh e steach do thigh a dhé, mharbh iadsan a thàinig a mach as innibh féin e ’n sin leis a’ chlaidheamh. 22 Mar so shaor an Tighearna Heseciah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim as làimh Shenacherib righ Asiria, agus as làimh nan uile, agus stiuir e iad air gach taobh. 23 Agus thug mòran tabhartais a dh’ionnsuidh an Tighearna gu h-Ierusalem, agus tiodhlacan a dh’ionnsuidh He- (1) na h-aomadh. [TD 55] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXIII. seciah righ Iudah: agus dh’ardaicheadh e ann an sùilibh nan uile chinneach ’na dhéigh sin. 24 Anns na laithibh sin bha Heseciah tinn gu bàs, agus rinn e urnuigh ris an Tighearn: agus dh’éisd (1) esan ris, agus thug e comhara dha. 25 Ach cha d’ìoc Heseciah arìs a réir mar a bhuilicheadh air, oir thogadh a chridhe suas: agus bha fearg ris, agus re Iudah agus Ierusalem. 26 Gidheadh dh’irioslaich Heseciah e féin air son uabhair a chridhe (araon e féin agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim:) uime sin cha d’thàinig fearg an Tighearna orra ann an laithibh Heseciah. 27 Agus bha aig Heseciah beartas agus urram ro-mhòr: agus rinn e dha féin ionmhasan do airgiod, agus do òr, agus do chlachaibh luachmhor, agus do spìosraidh, agus do thargaidibh, agus do gach seud (2) taitneach; 28 Agus tighean-tasgaidh air son toraidh (3) an arbhair, agus an fhìona, agus na h-ola; agus tighean air son gach gnè ainmhidh, agus mainnirean air son nan treud. 29 Agus rinn e dha féin bailtean: agus bha sealbh chaorach agus buar aige ann am pailteas, oir thug Dia dha maoin ro-mhòr. 30 Chuir Heseciah so féin mar an ceudna stad air sruth uisge uachdarach Ghihoin, agus thug e sìos dìreach e a làimh na h-airde ’niar do bhaile Dhaibhidh. Agus shoirbhich Heseciah ’na oibribh uile. 31 Gidheadh, a thaobh theachdairean uachdarana Bhabiloin, a chuireadh d’a ionnsuidh a dh’fhiosrachadh mu’n iongantas a bha san tìr, thréig Dia e g’a dhearbhadh, chum gu’m biodh fios aige air gach ni a bha ’na chridhe. 32 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Heseciah, agus a mhaitheas, feuch, tha iad scrìobhta ann am fàistineachd (4) Isaiah an fhàidh, mhic Amois, agus ann an leabhar righrean Iudah agus Israeil. 33 Agus choidil Heseciah maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaic iad e ann an ard àit-adhlacaidh mhac Dhaibhidh: agus thug Iudah uile agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim urram dha ’nuair a fhuair e bàs. Agus rìoghaich Manaseh a mhac ’na àit. CAIB. XXXIII. DA bhliadhna dheug a dh’aois bha Manaseh ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e cùig bliadhna deug agus dà fhichead ann an Ierusalem. 2 Ach rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, a réir ghràineileachd nan cinneach, a thilg an Tighearn a mach roimh chloinn Israeil. 3 Oir thog e suas a rìs na h-àitean arda a sgrios Heseciah athair, agus chuir e suas altairean do Bhaalim, agus rinn e doireachan, agus shleuchd e do uile shlòigh (5) nan nèamh, agus rinn e seirbhis doibh. 4 Agus thog e altairean ann (1) labhair. Eabh. (2) uidheam, inneal. (3) fàis, cinnis. (4) sealladh. Eabh. (5) armailt. [TD 56] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXIII. an tigh an Tighearna, mu’n dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem bithidh m’ainm-sa gu bràth. 5 Agus thog e altairean do uile shlòigh nan nèamh ann an dà chùirt tighe an Tighearna. 6 Agus thug e air a chloinn dol troimh ’n teine ann an gleann mhic Hinoim agus thug e fa’near amanna, agus ghnàthaich e geasachd (1) agus druidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth agus luchd-fiosachd: dh’oibrich e mòr aingidheachd ann an sùilibh an Tighearna, g’a bhrosnachadh gu feirg. 7 Agus chuir e dealbh snaidhte, ìodhol (2) a rinn e, ann an tigh Dhé, mu’n dubhairt Dia re (3) Daibhidh, agus re Solamh a mhac, Anns an tigh so, agus ann an Ierusalem, a thagh mi as uile threubhaibh Israeil, cuiridh mi m’ainm gu brath. 8 Agus cha charuich mi cos Israeil ni’s mò as an fhearann a dh’orduich mi do bhur n-aithrichibh; ma bheir iad a mhàin an aire gu’n dean iad gach ni a dh’àithn mi dhoibh, a réir an lagha uile, agus nan reachd, agus nan riaghailt le làimh Mhaois. 9 Mar sin thug Manaseh air Iudah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim dol air seacharan, gu tuilleadh uilc a dheanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna roimh chloinn Israeil. 10 Agus labhair an Tighearna re Manaseh, agus r’a shluagh; ach cha ’n éisdeadh iad. 11 Uime sin thug an Tighearn orra ceannarda feachd righ Asiria: agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhraidhibh, agus thug iad leo e gu Babilon. 12 Agus an uair a bha e ann an àmhghar dh’iarr e an Tighearn a Dhia, agus dh’irioslaich se e féin gu mòr am fianuis Dhé aithriche. 13 Agus rinn e urnuigh ris, agus rinneadh esan réidh ris, agus dh’éisd e r’a athchuinge, agus thug e air ais e gu h-Ierusalem d’a rìoghachd. Agus dh’aithnich Manaseh gur e’n Tighearn a’s Dia ann. 14 Agus ’na dhéigh so thog e balladh an taobh a muigh do bhaile Dhaibhidh, air an taobh an iar do Ghihon anns a’ ghleann, eadhon gu ruig dol a stigh geataidh an éisg, agus thug e mu’n cuairt air Ophel e, agus thog e suas e gu ro-ard; agus chuir e ceannardan cogaidh (4) ann an uile bhailtibh daingnichte Iudah. 15 Agus chuir e air falbh na dée coimheach agus an ìodhol a tigh an Tighearna, agus na h-altairean uile a thog e ann an sliabh tighe an Tighearna, agus ann an Ierusalem, agus thilg e mach as a’ bhaile iad. 16 Agus chàirich e altair an Tighearna, agus dh’ìobair e oirre ìobairtean sìthe agus buidheachais, agus dh’àithn e do Iudah seirbhis a dheanamh do’n Tighearna Dia Israeil. 17 Gidheadh, dh’ìobair an sluagh fathast anns na h-àitibh arda, ach a mhàin do’n Tighearn an Dia. (1) geasadaireachd. (2) cosamhlachd; semel. Eabh. (3) ri. (4) ceannardan na h-armailte. [TD 57] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXIV. 18 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Mhanaseh, agus urnuigh r’a Dhia, agus briathra nam fear-seallaidh a labhair ris ann an ainm an Tighearna Dé Israeil feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar righrean Israeil. 19 Urnuigh mar an ceudna, agus mar a dh’éisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus eusaontas, agus na h-àitean anns an do thog e ionadan arda, agus an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad scrìobhta am measg bhriathar nam fear-seallaidh. 20 Agus choidil Manaseh maille r’a aithrichibh, agus dh’adhlaic iad e ’na thigh féin: agus rìoghaich a mhac Amon ’na àit. 21 Dà bhliadhna fichead a dh’aois bha Amon an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e dà bhliadhna ann an Ierusalem. 22 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna, mar a rinn Manaseh athair: oir dh’ìobair Amon do na dealbhaibh snaidhte uile, a rinn Manaseh athair, agus rinn e seirbhis doibh. 23 Agus cha d’irioslaich se e féin am fianuis an Tighearna, mar a dh’irioslaich Manaseh athair e féin; ach mheudaich Amon eusaontas. 24 Agus rinn a sheirbhisich ceannairc ’na aghaidh agus mharbh iad e ’na thigh féin. 25 Ach mharbh sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh righ Amoin, agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac ’na righ ’na àit. CAIB. XXXIV. OCHD bliadhna dh’aois bha Iosiah ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e ann an Ierusalem aon bhliadhna deug thar fhichead. 2 Agus rinn e an ni a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna, agus dh’imich e ann an slighibh Dhaibhidh athar, agus cha do chlaon e dh’ionnsuidh na làimhe deise no na làimhe clìthe. 3 Oir anns an ochdamh bliadhna d’a rìoghachadh, ’nuair a bha e fathast òg, thòisich e air Dia Dhaibhidh athar iarraidh, agus anns an dara bliadhna deug thòisich e air Iudah agus Ierusalem a ghlanadh o na h-àitibh arda, agus na doireachaibh, agus na dealbhaibh snaidhte, agus na dealbhaibh leaghta. 4 Agus bhris iad sìos altairean Bhaalim ’na fhianuis, agus na dealbhan grianach a bha gu h-ard os an ceann ghearr e sìos, agus na doireachan; agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghta bhris e ’nam mìribh, agus phronn e gu luaithre, agus chrath e i air uaighibh na muinntir a dh’ìobair dhoibh. 5 Agus loisg e cnàmha nan sagart air an altairibh, agus ghlan e Iudah, agus Ierusalem. 6 Mar an ceudna ann am bailtibh Mhanaseh, agus Ephraim, agus Shimeoin, eadhon gu ruig Naphtali, ’nan àitibh sàsaichte mu’n cuairt. 7 Agus an uair a bhris e sìos na h-altairean agus na doireachan, agus a phronn e na dealbhan snaidhte gu luaithre, agus a ghearr e sìos na dealbhan [TD 58] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXIV. grianach (1) uile air feadh tìre Israeil uile, phill e gu h-Ierusalem. 8 Agus anns an ochdamh bliadhna deug d’a rìoghachadh, ’nuair a ghlan e an tìr, agus an tigh chuir a Saphan mac Asaliah, agus Maaseiah uachdaran a’ bhaile, agus Ioah mac Ioahais an seanachaidh, a chàradh tighe an Tighearna a Dhé. 9 Agus thàinig iad gu Hilciah an t-ard shagart, agus thugadh dhoibh, an t-airgiod a thugadh steach do thigh Dhé, a chruinnich na Lebhithich a ghléidh na dorsan o làimh Mhanaseh agus Ephraim, agus o uile fhuigheall Israeil, agus o Iudah uile, agus o Bheniamin, agus o luchd-àiteachaidh Ierusaleim (2) 10 Agus thug iad e do làimh luchd deanamh na h-oibre, a chuireadh os cionn tighe (3) an Tighearna, agus thug iadsan e do’n luchd-oibre a dh’oibrich ann an tigh an Tighearna, a chàradh agus a leasachadh an tighe. 11 Thug iad e eadhon do na saoraibh agus do’n luchd-togail, a cheannach chlach snaidhte, agus fiodha chum nan ceangal (4) agus gu urlar a chur sna tighibh, a mhill righrean Iudah. 12 Agus rinn na daoine an obair gu firinneach: agus b’iad an luchd amhairc thairis orra Iahat, agus Obadiah, na Lebhithich, do mhacaibh Mherari; agus Sechariah agus Mesullam, do mhacaibh nan Cohatach, a chur na h-oibre air a h-aghaidh; mar an ceudna do na Lebhithich gach neach a bha eòlach (5) air innealaibh-ciuil. 13 Bha iad cuideachd os cionn an luchd-iomchair eallach, agus ’nan luchd amhairc thairis orra-san uile a rinn obair ann an gnè seirbhis air bith: agus do na Lebhithich bha scrìobhuichean, agus riaghladairean, agus dorsairean. 14 Agus an uair a bha iad a’ toirt a mach an airgid a thugadh a steach do thigh an Tighearna, fhuair Hilciah an sagart leabhar lagha an Tighearna an làimh (6) Mhaois. 15 Agus fhreagair Hilciah, agus thubhairt e re Saphan an scrìobuiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an tigh an Tighearna. Agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan. 16 Agus thug Saphan an leabhar a dh’ionnsuidh an righ, agus dh’aithris e ’n gnothuch do’n righ, ag ràdh, Gach ni a dh’àithneadh do d’ sheirbhisich, tha iad a’ deanamh. 17 Chruinnich iad an t-airgiod a fhuaradh ann an tigh an Tighearna, agus thug iad e do làimh an luchd amhairc thairis, agus do làimh luchd deanamh na h-oibre. 18 Agus dh’innis Saphan an scrìobhuiche do’n righ, ag ràdh, Thug Hilciah an sagart leabhar dhomh. Agus leugh Saphan e an lathair an righ. 19 Agus anuair a chual an righ briathran an lagha, reub e eudach. 20 Agus dh’àithn an righ do Hilciah, agus do Ahicam mac Shaphain, agus do Abdon (7) (1) na h-ìodholan. (2) agus phill iad gu h-Ierusalem. (3) a bha ’nan luchd amhairc thairis ann an tigh. (4) tàdhacha. (5) seòlta, teòma. (6) làimh-scrìobhaidh. (7) Achbor. II. Righ. Caib. xxii. r. 12. [TD 59] II EACHDRAIDH. CAIB. XXXIV. mac Mhicah, agus do Shaphan an scrìobhuiche, agus do Asaiah seirbhiseach an righ, ag ràdh, 21 Rachaibh, fiosraichibh do’n Tighearn air mo shon-sa agus air an son-san a dh’fhàgadh ann an Israel agus ann an Iudah, thaobh bhriathar an leabhair a fhuaradh: oir is mòr fearg an Tighearna, a tha air a taomadh a mach oirnn, a chionn nach do choimhid ar n-aithriche focal an Tighearna, a dheanamh a réir gach ni a ta scrìobhta anns an leabhar so. 22 Agus chaidh Hilciah agus iadsan a dh’òrduich an righ gu Huldah a’ bhan-fhàidh, bean Shaluim, mhic Thicbhah, mhic Hasrah (1) fhir-ghleidhidh an eudaich, (anis bha i chòmhnuidh ann an Ierusalem ann an oilthigh (2)) agus labhair iad rithe mar sin. 23 Agus fhreagair i iad, Mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Innsibh do’n duine a chuir sibh a m’ionnsuidh-sa, 24 Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite so, agus air a luchdàiteachaidh, eadhon gach mallachadh a ta scrìobhta anns an leabhar a leugh iad am fianuis righ Iudah. 25 A chionn gu’n do thréig iad mise, agus gu’n do loisg iad tùis do dhéibh eile, chum mo bhrosnuchadh gu corruich le uile oibribh an làmh; uime sin taomar m’fhearg a mach air an àite so, agus cha mhùchar i. 26 Ach a thaobh righ Iudah, a chuir sibh a dh’fhiosrachadh do’n Tighearn, mar so their sibh ris, Mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, A thaobh nam briathar a chual thu, 27 A chionn gu’n do thiomaich do chridhe, agus gu’n d’irioslaich thu thu-féin an làthair Dhé, ’nuair a chual thu a bhriathran an aghaidh an àite so, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus gu’n d’irioslaich thu thu-féin a’m’ làthair-sa, agus gu’n do reub thu t’eudach, agus gu’n do ghuil thu a’m’ làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, ars’ an Tighearn. 28 Feuch, cruinnichidh mi thu chum t’aithriche, agus cruinnichear thu do d’ uaigh an sìth, agus cha ’n fhaic do shùilean an t-olc sin uile a bheir mise air an àite so, agus air a luchdàiteachaidh. Agus thug iad fios a rìs a dh’ionnsuidh an righ. 29 Agus chuir an righ teachdairean uaith, agus chruinnich e r’a chéile uile sheanairean Iudah agus Ierusaleim. 30 Agus chaidh an righ suas do thigh an Tighearna, agus fir Iudah uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus na sagairt agus na Lebhithich, agus an sluagh uile eadar bheag agus mhòr; agus leugh e ’nan éisdeachd uile bhriathran leabhair a’ choi’-cheangail, a fhuaradh ann an tigh an Tighearna. 30 Agus sheas an righ ’na àite féin, agus rinn e coi’-cheangal am fianuis an Tighearna, gu’n gluaiseadh e ’n déigh an Tighearna, agus gu’n gleidheadh e àitheantan, agus a (1) Harhais. II. Righ. Caib. xxii. r. 14. (2) tigh-fòghluim; misena. Eabh. [TD 60] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXV. theisteis, agus a reachda, le uile chridhe agus le uile anam, a choimhlionadh bhriathar a choi’cheangail, a tha scrìobhta anns an leabhar so. 32 Agus thug e orra-san uile a fhuaradh ann an Ierusalem agus Beniamin, seasamh: agus rinn luchd-àiteachaidh Ierusaleim a réir coi’-cheangail Dé, Dé an aithriche. 33 Agus chuir Iosiah air falbh na gràineileachdan uile as na tìribh uile a bhuineadh do chloinn Israeil, agus thug e orra-san uile a fhuaradh ann an Israel seirbhis a dheanamh do’n Tighearn an Dia. Rè a laithean uile cha do chlaon iad o leantuinn an Tighearna, Dé an aithriche. CAIB. XXXV. AGUS chum Iosiah ann an Ierusalem càisg do’n Tighearna: agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh la deug do’n cheud mhìos. 2 Agus shuidhich e na sagairt ’nan cùram, agus thug e misneach dhoibh chum seirbhis tighe an Tighearna. 3 Agus thubhairt e ris na Lebhithich a theagaisg Israel uile, a bha naomha (1) do’n Tighearna, Cuiribh an àirc naomha anns an tigh a thog Solamh, mac Dhaibhidh, righ Israeil; cha bhi i ’na h-eallaich air bhur guaillibh: deanaibh seirbhis a nis do’n Tighearna bhur Dia, agus d’a shluagh Israel. 4 Agus deasaichibh sibh féin a réir tighe bhur n-aithriche, a réir bhur roinnean, mar a scrìobh Daibhidh righ Israeil, agus mar a scrìobh Solamh a mhac. 5 Agus seasaibh anns an ionad naomh a réir roinnean theaghlach aithriche bhur bràithre do’n t-sluagh (2), agus a réir roinne theaghlach aithriche nan Lebhitheach. 6 Agus marbhaibh a’ chàisg, agus naomhaichibh sibh féin, agus deasaichibh bhur bràithrean, chum gu’n dean iad a réir focail an Tighearna le làimh Mhaois. 7 Agus thug Iosiah do’n t-sluagh caoraich, uain agus minn, iad uile air son ìobairtean càisge dhoibhsan uile a bha làthair, gu ruig deich mìle fichead an àireamh, agus tri mìle bò: iad sin do mhaoin an righ. 8 Agus thug na h-uachdarain aige gu toileach do’n t-sluagh, do na sagartaibh, agus do na Lebhitheachaibh. Thug Hilciah, agus Sechariah, agus Iehiel, uachdarain tighe Dhé, do na sagartaibh air son ìobairtean na càisge, dà mhìle agus sè ceud [caora] agus tri cheud bò. 9 Agus thug Conaniah, agus Semaiah, agus Netaneel agus a bhràithrean, agus Hasabiah, agus Iehiel, agus Iosabad, uachdarain nan Lebhitheach, do na Lebhithich air son ìobairtean na càisge, cùig mìle [caora] agus cùig ceud bò. 10 Agus dh’ulluicheadh an t-seirbhis, agus sheas na sagairt ’nan àit, agus na Lebhithich ’nan roinnibh, a réir àithne an righ. 11 Agus mharbh iad a’ chàisg, (1) iad féin a naomhachadh. (2) mhac an t-sluaigh. Eabh. (3) chuir iad air leth. [TD 61] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXV. agus chrath na sagairt [an fhuil] le’n làimh, agus dh’fhionn na Lebhithich. 12 Agus thug iad air falbh na h-ìobairtean-loisgte, chum gu’n d’thugadh iad seachad a réir roinnean theaghlach an t-sluaigh, a dh’ìobradh do’n Tighearna, mar a ta e scrìobhta ann an leabhar Mhaois: agus mar sin rinn iad ris a’ bhuar (1). 13 Agus ròist iad a’ chàisg le teine, a réir na riaghailte; ach bhruich (2) iad na tabhartais naomha ann am poitibh, agus ann an coireachaibh, agus ann an aighnibh, agus roinn siad iad gu grad am measg an t-sluaigh uile. 14 Agus ’na dhéigh sin dheasaich iad dhoibh féin agus do na sagartaibh. A chionn gu’n robh na sagairt, mic Aaroin, ag ìobradh ìobairtean-loisgte agus na saill gu h-oidhche, uime sin dheasaich na Lebhithich dhoibh féin agus do na sagairt, mic Aaroin. 15 Agus bha’n luchd-seinn, mic Asaiph, ’nan àite féin, a réir àithne Dhaibhidh, agus Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin fhear-seallaidh (3) an righ, agus na dorsairean aig gach geatadh: cha ’n fheumadh iad an seirbhis fhàgail, oir dheasaich am bràithrean na Lebhithich air an son. 16 Agus dheasaicheadh uile sheirbhis an Tighearna air an là sin féin, chum a’ chàisg a chumail, agus ìobairtean-loisgte ìobradh air altair an Tighearna, a réir àithne an righ Iosiah. 17 Agus chum clann Israeil, a bha làthair, a’ chàisg san àm sin, agus féill (4) an arain neoghoirtichte, seachd laithean. 18 Agus cha do chumadh a leithid sin do chàisg ann an Israel o laithibh Shamueil an fhàidh; ni mò a chum uile righrean Israeil a leithid do chàisg as a chum Iosiah, agus na sagairt, agus na Lebhithich, agus Iudah agus Israel uile a bha làthair, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim. 19 Anns an ochdamh bliadhna deug do rìoghachadh Iosiah chumadh a’ chàisg so. 20 ’Na dhéigh so uile ’nuair a dheasaich Iosiah an teampull, thàinig Necho righ na h-Eiphit a nìos a chogadh an aghaidh Charchemis, làimh re Euphrates: agus chaidh Iosiah a mach ’na aghaidh. 21 Ach chuir esan teachdairean d’a ionnsuidh, ag ràdh, Ciod é mo ghnothuch-sa riutsa, a righ Iudah? Cha ’n ann a’ t’aghaidh-sa tha mise teachd an diugh, ach an aghaidh tighe ris am bheil mi a’ cogadh; agus dh’àithn Dia dhomh mi dheanamh cabhaig: leig dhiot a bhi re Dia, a tha maille riumsa, chum nach sgrios e thu. 22 Gidheadh cha do thionndaidh Iosiah aghaidh uaith, ach dh’fhàs e ni bu déine (5) gu cogadh ’na aghaidh, agus cha d’éisd e re briathraibh Necho o bheul Dé, agus chaidh e steach a chur catha ann an gleann Mhegido. 23 Agus thilg na fir-bhogha air righ Iosiah; agus thubhairt an righ r’a sheirbhisich, Beiribh (1) chrodh. (2) bhruith. Eir. (3) fir-seallaidh. (4) cuirm, féisd. (5) chuir se e féin ann an atharrachadh crutha. [TD 62] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXVI. leibh mi, oir tha mi air mo lotadh gu mòr. 24 Agus thug a sheirbhisich e as a’ charbad sin, agus chuir iad e anns an dara carbad a bha aige, agus thug iad e gu h-Ierusalem, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlaic aithriche: agus rinn Iudah agus Ierusalem uile caoidh airson Iosiah. 25 Agus rinn Ieremiah tuireadh (1) airson Iosiah, agus labhair na fir-sheinn agus na mnài-sheinn uile mu thimchioll Iosiah ’nan tuireannaibh gu ruig an la ’n diugh, agus rinn siad iad ’nan reachd ann an Israel. Agus feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar nan tuireadh. 26 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iosiah, agus a mhaitheas, mar ata e scrìobhta ann an lagh an Tighearna, 27 Eadhon a ghnìomharan an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar righrean Israeil agus Iudah. CAIB. XXXVI. AGUS ghabh sluagh na tìre Iehoahas mac Iosiah, agus rinn iad ’na righ e ’n àit athar ann an Ierusalem. 2 Tri bliadhna fichead a dh’aois bha Iehoahas an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e tri mìosan ann an Ierusalem. 3 Agus chuir righ na h-Eiphit e [o rìoghachadh] ann an Ierusalem (2), agus chuir e ceud tàlann airgid, agus tàlann òir, mar ùbhla (3) air an tìr. 4 Agus rinn righ na h-Eiphit Eliacim a bhràthair ’na righ air Iudah agus Ierusalem, agus thionndaidh e ainm gu Iehoiacim. Agus ghabh Necho Iehoahas a bhràthair, agus thug e do’n Eiphit e. 5 Cùig bliadhna fichead a dh’aois bha Iehoiacim an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e aon bhliadhna deug ann an Ierusalem: agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearn a Dhé. 6 ’Na aghaidh-san thàinig Nebuchadnesar righ Bhabiloin a nìos, agus cheangail e ann an geimhlibh umha e, chum a thoirt do Bhabilon. 7 Thug Nebuchadnesar mar an ceudna leis cuid do shoithichibh tighe an Tighearna do Bhabilon, agus chuir e iad ’na theampull (4) ann am Babilon. 8 Agus a’ chuid eile do ghnìomharaibh Iehoiacim, agus a ghràineileachdan a rinn e, agus na fhuaradh ann, feuch, tha iad scrìobhta ann an leabhar righrean Israeil agus Iudah. Agus rìoghaich Iehoiachin a mhac ’na àit. 9 Ochd bliadhna deug (5) a dh’aois bha Iehoiachin an uair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e tri mìosan agus deich laithean ann an Ierusalem; agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna. 10 Agus aig ceann na bliadhna (6) chuir righ Nebuchadnesar (1) cumhadh. (2) Faic II. Righ. Caib. xxiii. r. 33. (3) mar chìs. (4) lùchairt. (5) Faic II. Righ. Caib. xxiv. r. 8. (6) teachd mu’n cuairt na bliadhna. [TD 63] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXVI. daoine uaith, agus thug e do Bhabilon e, maille re soithichibh taitneach (1) tighe an Tighearna: agus rinn e Sedeciah a bhràthair (2) ’na righ air Iudah agus Ierusalem. 11 Bliadhna thar fhichead a dh’aois bha Sedeciah ’nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìoghaich e aon bhliadhna deug ann an Ierusalem. 12 Agus rinn e olc ann an sùilibh an Tighearna a Dhé; agus cha d’irioslaich se e féin am fianuis Ieremiah an fhàidh, a labhair o bheul an Tighearna. 13 Agus mar an ceudna rinn e ceannairc an aghaidh righ Nebuchadnesair, a thug air mionnachadh air Dia: ach ragaich e a mhuineal, agus chruaidhich e a chridhe o thionndadh a dh’ionnsuidh an Tighearna Dé Israeil. 14 Mar an ceudna pheacaich iadsan uile a b’airde do na sagartaibh agus do’n t-sluagh gu ro-mhòr, a réir uile ghràineileachd nan cinneach, agus thruaill iad tigh an Tighearna, a naomhaich e ann an Ierusalem. 15 Agus chuir an Tighearna Dia an aithriche fios d’an ionnsuidh le làimh a theachdairean, ag éirigh gu moch, agus a’ cur uaith; a chionn gu’n robh truas aige d’a shluagh, agus d’a àite-còmhnuidh. 16 Ach rinn iadsan fanoid air teachdairibh Dhé, agus rinn iad dìmeas air a bhriathraibh, agus rinn iad tarcuis (3) air fhàidhibh, gus an d’éirich fearg an Tighearna ’n aghaidh a shluaigh air chor as nach robh leigheas ann. 17 Uime sin thug e orra righ nan Caldeanach, a mharbh an daoine òga leis a’ chlaidheamh ann an tigh an ionaid naomha, agus nach do chaomhain òig-fhear no òigh, seann duine no esan a bha air a chromadh leis an aois: thug e thairis iad uile ’na làimh. 18 Agus uile shoithichean tighe Dhé, mòr agus beag, agus ionmhais tighe an Tighearna, agus ionmhais an righ agus uachdarana, thug e leis uile do Bhabilon. 19 Agus loisg iad tigh Dhé, agus bhris iad sìos balladh Ierusaleim, agus loisg iad a lùchairtean uile le teine, agus mhill iad a shoithichean taitneach uile. 20 Agus iadsan a chaidh as o’n chlaidheamh thug e leis do Bhabilon, far an robh iad ’nan seirbhisich aige féin agus aig a mhacaibh, gus an do rìoghaich righ (4) Phersia: 21 Chum gu’m biodh focal an Tighearna le beul Ieremiah air a choimhlionadh, gus am mealadh an tìr a sàbaidean; rè na h-ùine a bha i fàs, chum i sàbaidean (5), gus an do choimhlionadh tri fichead agus deich bliadhna. 22 A nis ann an ceud bhliadhna Chiruis righ Phersia, chum gu’m biodh focal an Tighearna le beul Ieremiah air a choimhlionadh, dhùisg an Tighearna suas spiorad Chiruis righ Phersia, agus thug e fa’near gairm a bhi air a tabhairt air feadh (1) maiseach, luachmhor. (2) bràthair athar. (3) magadh. (4) rìoghachd. (5) rinn i tàmh. [TD 64] II. EACHDRAIDH. CAIB. XXXVI. a rìoghachd uile, agus a chur mar an ceudna ann an scrìobhadh, ag ràdh, 23 Mar so tha Cirus righ Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna Dia nan nèamh dhomhsa, agus dh’àithn e dhomh tigh a thogail dha ann an Ierusalem, a ta ann an Iudah: ge b’e neach a ta ’nar (1) measg d’a shluagh uile, gu robh an Tighearn a Dhia maille ris, agus rachadh e suas. (1) ann bhur. [TD 65] ESRA. CAIB. I. ANIS ann an ceud bhliadhna Chiruis righ Phersia, chum gu’m biodh focal an Tighearna le beul Ieremiah air a choimhlionadh, dhùisg an Tighearna suas spiorad Chiruis righ Phersia, agus thug e fa’near gairm a bhi air a tabhairt air feadh a rìoghachd uile, agus a chur mar an ceudna ann an scrìobhadh, ag ràdh, 2 Mar so tha Cirus righ Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna Dia nan nèamh dhomhsa, agus dh’àithn e dhomh tigh a thogail dha ann an Ierusalem, a ta ann an Iudah. 3 Ge b’e neach a ta ’nar measg-sa d’a shluagh uile, gu robh a Dhia maille ris, agus rachadh e suas gu h-Ierusalem a ta ann an Iudah, agus togadh e tigh an Tighearna Dé Israeil: is esan an Dia, a ta ann an Ierusalem. 4 Agus ge b’e neach a dh’fhàgadh (1) ann an àite sam bith far am bheil e air chuairt, cuidicheadh daoine àite leis le h-airgiod, agus le h-òr, agus le maoin, agus le h-ainmhidhibh, a thuilleadh air an tabhartas saor-thoile air son tighe Dhé a ta ann an Ierusalem. 5 An sin dh’éirich cinn aithriche Iudah agus Bheniamin, agus na sagairt agns na Lebhithich, gach neach aig an do dhùisg Dia a spiorad gu dol suas a thogail tighe an Tighearna, a ta ann an Ierusalem. 6 Agus neartaich iadsan uile a bha mu’n cuairt doibh an làmhan le soithichibh airgid, le h-òr, le maoin, agus le h-ainmhidhibh, agus le nithibh luachmhor, a thuilleadh air gach ni a thugadh seachad le saor-thoil. 7 Thug mar an ceudna an righ Cirus a mach soithichean (2) tighe an Tighearna, a thug Nebuchadnesar a mach a h-Ierusalem, agus a chuir e ann an tigh a dhée: 8 Eadhon iad sin thug Cirus righ Phersia mach le làimh Mhitredait fhir-ghleidhidh an ionmhais, agus dh’àireamh e iad do Shesbadsar uachdaran Iudah. 9 Agus is e so an àireamh: Deich cuacha fichead òir, mìle cuach airgid, naoi sgeana fichead, 10 Deich thar fhichead soitheach-ionnlaid òir, ceithir cheud agus deich soithichean-ionnlaid airgid do’n dara seòrsa, mìle do shoithichibh eile: 11 Na soithichean òir agus airgid uile, cùig mìle agus cei- (1) dh’fhanas. (2) airneis. [TD 66] ESRA. CAIB. II. thir cheud: iad sin uile thug Sesbadsar suas maille ris na braighdibh (1), a thugadh suas o Bhabilon gu h-Ierusalem. CAIB. II. AGUS is iad so clann na mòr-roinne, a chaidh suas do na braighdibh, dhiubhsan a thugadh air falbh, a thug Nebuchadnesar righ Bhabiloin air falbh leis do Bhabilon, agus a phill gu h-Ierusalem agus Iudah, gach fear d’a bhaile féin; 2 A thàinig maille re (2) Serubabel, Iesua, Nehemiah, Seraiah, Realaiah, Mordecai, Bilsan, Mispar, Bigbhai, Rehum, Baanah. AIREAMH DHAOINE SLUAIGH ISRAEIL. 3 Mic Pharois, dà mhìle ceud tri fichead agus a dhà-dheug. 4 Mic Shephatiah, tri cheud tri fichead agus a dhà-dheug. 5 Mic Arah, seachd ceud tri fichead agus cùig-deug. 6 Mic Phahat-mhoaib, do chloinn Iesua [agus] Ioaib, dà mhìle ochd ceud agus a dhà-dheug. 7 Mic Elaim, mìle dà cheud leth-cheud agus a ceithir. 8 Mic Shatu, naoi ceud dà fhichead agus a cùig. 9 Mic Shacai, seachd ceud agus tri fichead. 10 Mic Bhani, sè ceud dà fhichead agus a dhà. 11 Mic Bhebai, sè ceud fichead agus a tri. 12 Mic Asgaid, mìle dà cheud fichead agus a dhà. 13 Mic Adonicaim, sè ceud tri fichead agus a sè. 14 Mic Bhigbhai, dà mhìle dà fhichead agus sè-deug. 15 Mic Adin, ceithir cheud leth-cheud agus a ceithir. 16 Mic Ateir o Heseciah, ceithir fichead agus ochd-deug. 17 Mic Bhesai, tri cheud fichead agus a tri. 18 Mic Iorah, ceud agus a dhà-dheug. 19 Mic Hasuim, dà cheud fichead agus a tri. 20 Mic Ghibair, ceithir fichead agus cùig-deug. 21 Mic Bhetleheim, ceud fichead agus a tri. 22 Daoine Netophah, dà fhichead agus sè-deug. 23 Daoine Anatoit, ceud fichead agus a h-ochd. 24 Mic Asmabheit, dà fhichead agus a dhà. 25 Mic Chiriat-iarim, Chephirah, agus Bheeroit, seachd ceud agus dà fhichead agus a tri. 26 Mic Ramah agus Gheba, sè ceud fichead agus a h-aon. 27 Daoine Mhichmais, ceud fichead agus a dhà. 28 Daoine Bheteil agus Ai, dà cheud fichead agus a tri. 29 Mic Nebo, dà fhichead agus a dhà-dheug. 30 Mic Mhagbis ceud leth-cheud agus a sè. 31 Mic Elaim eile (3), mìle dà cheud leth-cheud agus a ceithir. 32 Mic Harim, tri cheud agus fichead. 33 Mic Loid, Hadid, agus Ono, seachd ceud fichead agus a cùig. 34 Mic Iericho, tri cheud dà fhichead agus a cùig. (1) a’ bhraighdeanas. Eabh. (2) mar-re, le. (3) mic Elam-air. [TD 67] ESRA. CAIB. II. 35 Mic Shenaah, tri mìle agus sè ceud agus deich thar fhichead. 36 Na sagairt: Mic Iedaia, do thigh Iesua, naoi ceud tri fichead agus tri-deug. 37 Mic Imeir, mìle dà fhichead agus a dhà-dheug. 38 Mic Phasuir, mìle dà cheud dà fhichead agus a seachd. 39 Mic Harim, mìle agus seachd-deug. 40 Na Lebhithich: Mic Iesua agus Chadmieil, do chloinn Hodabhiah, tri fichead agus ceithir-deug. 41 An luchd-seinn: Mic Asaiph, ceud fichead agus a h-ochd. 42 Mic nan dorsair: Mic Shaluim, mic Ateir, mic Thalmoin, mic Acuib, mic Hatita, mic Shobai, iad uile ceud agus naoi-deug thar fhichead. 43 Na Netinich: Mic Shiha, mic Hasupha, mic Thabaoit, 44 Mic Cherois, mic Shiaha, mic Phadoin, 45 Mic Lebanah, mic Hagabah, mic Acuib, 46 Mic Hagaib, mic Shalmai, mic Hanain, 47 Mic Ghideil, mic Ghahair, mic Reaiah, 48 Mic Resin, mic Necoda, mic Ghadsaim, 49 Mic Udsa, mic Phaseah, mic Bhesai, 50 Mic Asnah, mic Mhehunim, mic Nephusim, 51 Mic Bhacbuic, mic Hacupha, mic Harhuir, 52 Mic Bhasluit, mic Mhehida, mic Harsa, 53 Mic Bharcois, mic Shisera, mic Thamah, 54 Mic Nesia, mic Hatipha. 55 Mic sheirbhiseach Sholaimh. Mic Shotai, mic Shophereit, mic Pheruda, 56 Mic Iaalah, mic Dharcoin, mic Ghideil, 57 Mic Shephatiah, mic Hatil, mic Phochereit o Sheboim, mic Ami. 58 Na Netinich uile, agus clann sheirbhiseach Sholaimh, tri cheud ceithir fichead agus a dhà-dheug. 59 Agus so iadsan a chaidh suas o Thelmelah, Telharsa, Cherub, Adan agus Imer; ach cha b’urrainn iad tigh an athar a nochdadh agus an sliochd, am b’ann do Israel iad: 60 Mic Dhelaiah, mic Thobiah, mic Necoda, sè ceud leth-cheud agus a dhà. 61 Agus do mhacaibh nan sagart: Mic Habiah, mic Chois, mic Bharsillai, a ghabh bean do nigheanaibh Bharsillai a’ Ghileadaich, agus a ghoireadh air an ainm. 62 Dh’iarr iadsan an clàr-sgrìobhaidh ’nam measg-san a bha air an àireamh le sloinnteireachd, ach cha d’fhuaradh iad: uime sin ghearradh as o’n t-sagartachd iad (1). 63 Agus thubhairt an Tirsata riu, nach feudadh iad itheadh do na nithibh ro-naomha, gus an seasadh sagart suas le Urim agus le Tumim. 64 An coi’-thional uile cuideachd, dà fhichead agus dà mhìle tri cheud agus tri fichead; 65 A thuilleadh air an seirbhisich agus am banoglaich, d’an robh ann seachd mìle tri (1) mar dhaoine truaillidh chuireadh iad o’n t-sagartachd. [TD 68] ESRA. CAIB. III. cheud agus seachd-deug thar fhichead, agus dhiubhsan dà cheud ’nam fearaibh agus ’nam mnaibh-seinn. 66 An eich, seachd ceud agus sè-deug thar fhichead: am muileidean (1), dà cheud dà fhichead agus a cùig: 67 An càmhail, ceithir cheud agus cùig-deug thar fhichead: an asail, sè mìle seachd ceud agus fichead. 68 Agus thug cuid do chinn nan aithriche, ’nuair a thàinig iad do thigh an Tighearna a tha ann an Ierusalem, seachad d’an saor-thoil air son tighe Dhé, chum a chur suas ’na àite féin. 69 A réir an comais thug iad, gu h-ionmhas na h-oibre, tri fichead agus aon mhìle darcon (2) òir, agus cùig mìle pund airgid, agus ceud culaidh sagairt. 70 Agus ghabh na sagairt agus na Lebhithich, agus cuid do’n t-sluagh, agus an luchd-seinn, agus na dorsairean, agus na Netinich, còmhnuidh ’nam bailtibh, agus Israel uile ’nam bailtibh. CAIB. III. AGUS an uair a thàinig an seachdamh mìos, agus clann Israeil ’nam bailtibh, chruinnich an sluagh an ceann a chéile mar aon duine gu h-Ierusalem. 2 Agus sheas Iesua mac Iosadaic suas, agus a bhràithrean na sagairt, agus Serubabel mac Shealtieil, agus a bhràithrean, agus thog iad altair Dhé Israeil, a dh’ìobradh ìobairtean-loisgte oirre, mar a ta e scrìobhta ann an lagh Mhaois òglaich Dhé. 3 Agus shuidhich iad an altair air a bonnaibh, oir (3) bha eagal orra roimh shluagh nan tìr sin; agus dh’ìobair iad ìobairte-loisgte do’n Tighearna, ìobairte-loisgte air maduinn agus air feasgar. 4 Agus chum iad féill nam pàilliun, mar a ta e scrìobhta, agus dh’ìobair iad an ìobairt-loisgte lathail ann an àireamh, a réir na riaghailte, a dhlighe féin air gach la; 5 Agus ’na dhéigh sin an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, araon air na gealaichibh nomha, agus air uile fheillibh naomhaichte an Tighearna, agus o gach neach a thug seachad gu toileach tabhartas saor-thoile do’n Tighearna. 6 O’n cheud la do’n seachdamh mìos thòisich iad air ìobairtean-loisgte ìobradh do’n Tighearna, ’nuair nach do leagadh fathast bunait teampuill an Tighearna. 7 Ach thug iad airgiod do na snaidheadairibh agus do’n luchd ceirde (4), agus biadh, agus deoch, agus oladh do na Sidonaich agus do na Tìoraich (5), a chum gu’n d’thugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a réir a’ chomais (6) a fhuair iad o Chirus righ Phersia. 8 Agus anns an dara bliadhna ’n déigh dhoibh teachd gu tigh Dhé aig Ierusalem, anns an dara mìos, thòisich Seruba- (1) muilidhean; mules. Sasg. (2) drachm Sasg. Faic. I. Eachdr. Caib. xxix. r. 7. (3) ge do. (4) do na clachairibh agus do na saoraibh. (5) dhoibhsan a Sidon agus a Tìrus. (6) an orduigh. [TD 69] ESRA. CAIB. IV. bel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus fuigheall am bràithrean na sagairt agus na Lebhithich, agus iadsan uile a thàinig o’n bhraighdeanas (1) gu h-Ierusalem; agus dh’orduich iad na Lebhithich, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, a chur oibre tighe an Tighearna air a h-aghaidh. 9 Agus sheas Iesua agus a mhic agus a bhràithrean, Cadmiel agus a mhic, agus mic Iudah (2) mar aon duine, a ghreasadh an luchd-oibre ann an tigh Dhé; mic Henadaid [agus] am mic agus am bràithrean na Lebhithich. 10 Agus an uair a leag an luchd-togail bunait teampuill an Tighearna, sheas na sagairt ’nan culaidhibh le trompaidibh, agus na Lebhithich mic Asaiph le ciombalaibh, a mholadh an Tighearna le làimh (3) Dhaibhidh righ Israeil. 11 Agus fhreagair iad a’ chéile ann am moladh agus ann an tabhairt buidheachais do’n Tighearna, A chionn gu bheil e maith, gu mair a thròcair do Israel gu bràth. Agus rinn an sluagh uile gàir mhòr, an uair a mhol iad an Tighearna, a chionn gu’n do leagadh bunait tighe an Tighearna. 12 Ach bha mòran do na sagairt agus do na Lebhithich, agus do chinn nan aithriche, seann daoine a chunnaic an ceud thigh, ’nuair a leagadh bunait an tighe so fa chomhair an sùl, a’ gul le guth ard; agus bha mòran a’ deanamh gàir gu h-ard le h-aoibhneas: 13 Air chor as nach b’urrainn an sluagh fuaim gàir an aoibhneis aithneachadh, seach fuaim gul an t-sluaigh; oir rinn an sluagh gàir mhòr, agus chualas an fhuaim an céin. CAIB. IV. AGUS chuala naimhdean Iudah agus Bheniamin gu’n robh clann a’ bhraighdeanais a’ togail an teampuill do’n Tighearna Dia Israeil. 2 Agus thàinig iad gu Serubabel, agus gu cinn nan aithriche, agus thubhairt iad riu, Togaidh sinne maille ribh; oir tha sinne ag iarraidh bhur Dé-sa mar sibh féin, agus dha-san tha sinn ag ìobradh o laithibh Esar-hadoin righ Asiria, a thug a nìos an so sinn. 3 Ach thubhairt Serubabel agus Iesua agus a’ chuid eile do cheannaibh aithriche Israeil riu, Cha bhuin e dhuibhse tigh a thogail maille ruinne d’ar Dia-ne; oir togaidh sinn féin ’nar n-aonar do’n Tighearna Dia Israeil, mar a dh’àithn Cirus (4) righ Phersia dhuinn. 4 Uime sin dh’anmhunnaich (5) sluagh na tìre làmhan sluaigh Iudah, agus chuir iad dragh orra anns an togail. 5 Agus thuarasdalaich iad comhairlich ’nan aghaidh, a bhacadh an rùin rè uile laithean Chiruis righ Phersia, eadhon gus an do rìoghaich Darius righ Phersia. 6 Agus an uair a rìoghaich Ahasuerus, ann an toiseach a rìoghachaidh, scrìobh iad litir-chasaid an aghaidh luchd-àit- (1) bhruid. (2) Hodabhia. Caib. ii, r. 40. (3) a réir riaghailte, no, ann am briathraibh. (4) an righ Cirus. (5) dh’anfhannaich. [TD 70] ESRA. CAIB. IV. eachaidh Iudah agus Ierusaleim. 7 Agus ann an laithibh Artacsercseis scrìobh Bislam, Mitridat, Tabeel, agus a’ chuid eile d’an cuideachd, gu Artacsercses righ Phersia; agus bha scrìobhadh na litireach ann an scrìobhadh nan Sirianach, agus air a mhìneachadh (1) anns a’ chànain Shirianaich. 8 Scrìobh Rehum an t-ard chomhairleach, agus Simsai an scrìobhuiche, litir an aghaidh Ierusaleim gu h-Artacsercses an righ anns na briathraibh so (2): 9 An sin scrìobh Rehum an t-ard chomhairleach, agus Simsai an scrìobhuiche, agus a’ chuid eile d’an cuideachd, na Dinathaich, na h-Apharsatachaich, na Tarpelaich, na h-Apharsaich, na h-Archebhich, na Babilonaich, na Susanchaich, na Dehabhaich, na h-Elamaich, 10 Agus a’ chuid eile do na cinnich a thug Asnapar mòr agus urramach a nall, agus a shuidhich e ann am bailtibh Shamaria, agus a’ chuid eile air an taobh so do’n abhuinn (3), agus ann an leithid so do àm. 11 Is e so dùblachadh (4) na litireach a chuir iad d’a ionnsuidh: Gu h-Artacsercses an righ do sheirbhisich na daoine air an taobh so do’n abhuinn, agus aig a leithid so do àm. 12 Biodh fios aig an righ gu bheil na h-Iudhaich a thàinig a nìos uait d’ar n-ionnsuidh air teachd gu h-Ierusalem, a’ togail a’ bhaile cheannaircich agus uilc sin, agus a cur suas a bhallachan, agus a’ ceangal r’a chéile nam bunait. 13 Bitheadh a nis fios aig an righ, ma thogar am baile so, agus ma chuirear suas a bhallachan, nach ìoc iad gearradh (5), cìs no càin, agus gu’n d’thoir thu call air teachd-a-steach nan righ. 14 A nis a chionn gu bheil sinne air ar beathachadh o’n lùchairt (6), agus nach ’eil e iomchuidh dhuinn easurram an righ fhaicinn, uime sin chuir sinn litir uainn, agus thug sinn fios do’n righ: 15 Chum gu’n rannsaichear ann an leabhar eachdraidh (7) t’aithriche, agus gu’m faigh thu anns an leabhar eachdraidh, agus gu’m bi fios agad gu bheil am baile so ’na bhaile ceannairceach, agus diùbhalach (8) do righribh agus do mhòr-roinnibh, agus gu’n robh iad a’ deanamh duaireachais (9) ’na mheadhon san t-sean aimsir: airson so sgriosadh am baile so. 16 Tha sinn a’ toirt fios do’n righ, ma thogar am baile so, agus ma chuirear suas a bhallachan, an sin nach bi cuibhrionn air bith agad air an taobh so do’n abhuinn. 17 Chuir an righ freagradh gu Rehum an t-ard chomhairleach, agus Simsai an scrìobhuiche, agus a’ chuid eile d’an cuideachd a bha chòmhnuidh ann an Samaria, agus a’ chuid eile an taobh thall do’n abhuinn, Sìth, agus aig a leithid so do àm. 18 An litir a chuir sibh a (1) r’a thuigsinn, air a dheachdadh. (2) air a’ mhodh so. (3) amhuinn. (4) amhladh, lethbhreac. (5) dlighe. (6) o thigh an righ. (7) cuimhne. (8) cronail; dioghbhalach. Eir. (9) aimhreite, buaireis. [TD 71] ESRA. CAIB. V. m’ionnsuidh, leughadh gu soilleir a’m’ làthair i. 19 Agus thugadh àithne leam, agus rannsaicheadh, agus fhuaradh a mach gu’n robh am baile so o shean ag éirigh an aghaidh righrean, agus gu’n d’rinneadh ceannairc agus duaireachas ann. 20 Agus bha righrean cumhachdach ann an Ierusalem, a riaghlaich os an cionn-san uile air an taobh thall do’n abhuinn, agus dh’ìocadh gearradh, cìs, agus càin doibh. 21 Thugaibhse nis àithne, a thoirt air na daoine sin sgur, agus nach togar am baile sin gus an d’thig ordugh uamsa. 22 Thugaibh an aire ma ta nach dean sibh mearachd an so. C’arson a dh’fhàsadh calldach ann gu cron nan righ? 23 An sin an uair a leughadh dùblachadh litireach Artacsercseis an righ an làthair Rehuim agus Shimsai an scrìobhuiche agus an cuideachd, chaidh iad le cabhaig suas gu h-Ierusalem a dh’ionnsuidh nan Iudhach, agus thug iad orra sgur leis an làimh làidir. 24 An sin sguir obair tighe Dhé, a ta ann an Ierusalem. Sguir i gus an dara bliadhna do rìoghachadh Dhariuis righ Phersia. CAIB. V. ACH rinn Hagai am fàidh, agus Sechariah mac Ido an fhàidh, fàidheadaireachd do na h-Iudhachaibh a bha ann an Iudah agus ann an Ierusalem, fàidheadaireachd dhoibh ann an ainm an Tighearna Dé Israeil. 2 An sin dh’éirich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus thòisich iad air tigh Dhé a thogail, a tha ann an Ierusalem: agus maille riu-san bha fàidhean Dhé a’ cuideachadh leo. 3 Anns an àm sin féin thàinig d’an ionnsuidh Tatnai, an t-uachdaran air an taobh so do’n abhuinn, agus Setar-bosnai, agus an cuideachd (1), agus mar so thubhairt iad riu, Cò thug ordugh dhuibhse an tigh so a thogail, agus na ballacha so a dheanamh suas? 4 An sin thubhairt iad (2) riu air an dòigh so, C’ainm a th’ air na daoinibh a tha togail na h-aitreabh (3) so? 5 Ach bha sùil an Dé air seanairibh nan Iudhach, agus cha d’thug iad orra sgur, gus an d’thàinig a’ chùis a dh’ionnsuidh Dhariuis, agus an sin thugadh freagradh le litir mu thimchioll so: 6 Dùblachadh na litireach a chuir Tatnai an t-uachdaran air an taobh so do’n abhuinn, agus Setar-bosnai agus a chuideachd na h-Arphasacaich a bha air an taobh so do’n abhuinn, a dh’ionnsuidh Dhariuis an righ: 7 Chuir iad litir d’a ionnsuidh, anns an robh scrìobhta mar so: Gu Darius an righ, gach uile shìochaint. 8 Biodh fios aig an righ gu’n deachaidh sinn gu mòr-roinn (4) Iudea, a dh’ionnsuidh tighe an Dé mhòir, a tha ’ga thogail le clachaibh mòra, agus tha fiodh air a chur anns na ballachaibh, agus tha’n obair so a’ dol gu (1) an companaich. (2) sinn. (3) deanamh na h-oibre. (4) mòr-earrann. [TD 72] ESRA. CAIB. VI. luath air a h-aghaidh, agus a’ soirbheachadh ’nan làmhaibh. 9 An sin dh’fheòraich sinn do na seanairibh sin, [agus] mar so thubhairt sinn riu, Cò thug dhuibh ordugh an tigh so a thogail, agus na ballacha so chur suas? 10 Agus mar an ceudna dh’fheòraich sinn an ainmean diubh, a thoirt fios duit, a chum gu’n scrìobhamaid ainmean nan daoine a bh’air an ceann. 11 Agus mar so thug iad freagradh dhuinn, ag ràdh, Is sinne seirbhisich Dhé nan nèamh agus na talmhainn, agus tha sinn a’ togail tighe a chaidh thogail iomadh bliadhna roimhe so, a thog agus a chrìochnaich (1) righ mòr a bh’air Israel. 12 Ach an uair a bhrosnaich ar n-aithriche Dia nèimh gu feirg, thug e thairis iad do làimh Nebuchadnesair righ Bhabiloin a’ Chaldeanaich, a sgrios an tigh so, agus a thug an sluagh leis do Bhabilon. 13 Ach ann an ceud bhliadhna Chiruis righ Bhabiloin, thug righ Cirus ordugh (2) tigh so Dhé a thogail. 14 Agus mar an ceudna soithichean òir agus airgid tighe Dhé, a thug Nebuchadnesar as an teampull a bha ann an Ierusalem, agus a thug e leis do theampull Bhabiloin, iad sin thug righ Cirus a mach a teampull Bhabiloin, agus thugadh iad do fhear d’am b’ainm Sesbadsar, a rinn e ’na uachdaran. 15 Agus thubhairt e ris, Gabh na soithiche so, imich, thoir leat iad do’n teampull a ta ann an Ierusalem, agus biodh tigh Dhé air a thogail ’na àit. 16 An sin thàinig Sesbadsar sin, agus leag e bunait tighe Dhé a ta ann an Ierusalem agus o’n àm sin gus a nis tha e ’ga thogail, agus cha ’n’eil e fathast crìochnaichte. 17 A nis uime sin, ma’s maith leis an righ, deanar rannsachadh ann an tigh ionmhais an righ a ta ann am Babilon, a dh’fheuchainn an d’thugadh an t-ordugh so le righ Cirus, tigh so Dhé a thogail ann an Ierusalem, agus cuireadh an righ fios d’ar n-ionnsuidh ciod i a thoil a thaobh an ni so. CAIB. VI. AN sin thug Darius an righ ordugh seachad (3), agus rannsaich iad ann an tigh nan leabhar, far an robh na h-ionmhais air an tasgaidh ann am Babilon. 2 Agus fhuaradh ann an Achmeta, anns an lùchairt a ta ann am mòr-roinn nam Medach, clàr (4), agus mar so bha scrìobhta ann gu bhi air a chumail air chuimhne (5): 3 Ann an ceud bhliadhna Chiruis an righ, thug Cirus an righ ordugh seachad a thaobh tighe Dhé ann an Ierusalem, Biodh an tigh air a thogail, an t-àit anns an d’ìobair iad ìobairtean, agus a bhunaitean air an suidheachadh gu làidir: airde, tri fichead làmh-choille; a leud, tri fichead làmh-choille: 4 Tri sreathan do chlachaibh (1) a choi’-lion, a dheasaich. (2) àithne. (3) rinn Darius an righ reachd. (4) rola; roll. Sasg. (5) cuimhneachan. [TD 73] ESRA. CAIB. VI. mòra, agus sreath do fhiodh nomha: agus luasaichear an costus (1) a tigh an righ. 5 Agus mar an ceudna aisigear (2) soithichean òir agus airgid tighe Dhé, a thug Nebuchadnesar as an teampull a ta ann an Ierusalem, agus a thug e leis do Bhabilon, agus thugar arìs iad do’n teampull a ta ann an Ierusalem, gach aon d’a àit féin, agus suidhich iad ann an tigh Dhé. 6 A nis a Thatnai, uachdarain air an taobh thall do’n abhuinn, a Shetar-bosnai, maille re’r cuideachd na h-Arphasacaich a tha air an taobh thall do’n abhuinn, bithibhse fada o sin. 7 Leigibh le obair tighe so Dhé: togadh uachdaran nan Iudhach, agus seanairean nan Iudhach, tigh so Dhé ’na àit. 8 Agus tha mise a’ toirt orduigh a thaobh na ni sibh re seanairibh nan Iudhach sin, chum tigh so Dhé a thogail; eadhon gu’n d’thugar do mhaoin an righ, do’n chìs air an taobh thall do’n abhuinn, costus air ball do na daoinibh sin, a chum nach cuirear bacadh orra. 9 Agus na tha dh’easbhuidh orra (3), araon tairbh òga, agus reitheachan, agus uain air son ìobairte-loisgte Dhé nèimh, cruithneachd, salann, fìon, agus oladh, a réir orduigh nan sagart a ta ann an Ierusalem, thugar gu cinnteach dhoibh o là gu là, gun fhàilingeadh; 10 A chum gu’n d’thoir iad seachad tabhartais deagh-bholaidh do Dhia nèimh, agus gu’n dean iad urnuigh air son beatha an righ agus a mhac. 11 Mar an ceudna thug mi seachad ordugh, ge b’e neach a dh’atharraicheas am focal so, gu’n spìonar sìos fiodh as a thigh, agus an uair a chuirear suas e, gu’n crochar air e, agus gu’n deanar a thigh ’na òtrach (4) airson so. 12 Agus an Dia a thug air ainm còmhnuidh a ghabhail an sin, gu’n sgriosadh esan na righrean sin uile agus an sluagh a shìneas a mach an làmh a dh’atharrachadh agus a sgrios tighe Dhé a ta ann an Ierusalem. Thug mise Darius ordugh seachad; deanar an ni gu luath. 13 An sin rinn Tatnai an t-uachdaran air an taobh so do’n abhuinn, Setar-bosnai, agus an cuideachd, gu’n dàil a réir an fhios a chuir Darius an righ uaith. 14 Agus thog seanairean nan Iudhach, agus shoirbhich leo a réir fàidheadaireachd Hagai an fhàidh, agus Shechariah mhic Ido; agus thog iad agus chrìochnaich iad, a réir àithne Dhé Israeil, agus a réir àithne Chiruis agus Dhariuis, agus Artacsercseis righ Phersia. 15 Agus chrìochnaicheadh an tigh so air an treas latha do’n mhìos Adar, a bha anns an t-seathadh bliadhna do rìoghachadh Dhariuis an righ. 16 Agus chum clann Israeil, na sagairt agus na Lebhithich, (1) an cur a mach, an caitheamh. (2) thugar air an ais. (3) gach ni air am bheil feum aca. (4) ’na dhùnan. [TD 74] ESRA. CAIB. VII. agus a’ chuid eile do chloinn a’ bhraighdeanais, coisreagadh (1) tighe so Dhé le gairdeachas. 17 Agus dh’ìobair iad aig coisreagadh tighe so Dhé, ceud tarbh òg, dà cheud reithe, ceithir cheud uan; agus mar ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile dà bhoc dheug gaibhre, a réir àireimh threubh Israeil. 18 Agus shuidhich iad na sagairt ’nan roinnibh, agus na Lebhithich ’nan sealaibh air son seirbhis Dhé, a ta ann an Ierusalem; mar a ta e scrìobhta ann an leabhar Mhaois. 19 Agus chum clann a’ bhraighdeanais a’ chàisg air a’ cheathramh la deug do’n cheud mhìos. 20 Oir ghlanadh na sagairt agus na Lebhithich le chéile: bha iad uile glan, agus mharbh iad a’ chàisg do chloinn a bhraighdeanais uile, agus d’am bràithribh na sagartaibh, agus dhoibh féin. 21 Agus dh’ith (2) clann Israeil a thàinig air an ais o’n bhraighdeanas, agus iadsan uile a dhealaich (3) iad féin d’an ionnsuidh o shalchar chinneach na tìre, a dh’iarraidh an Tighearna Dé Israeil. 22 Agus chum iad féill an arain neo-ghoirtichte seachd laithean le h-aoibhneas: oir rinn an Tighearn aoibhinn iad, agus thionndaidh e cridhe righ Asiria d’an ionnsuidh, a neartachchadh an làmha ann an obair tighe Dhé, Dhé Israeil. CAIB. VII. AGUS an déigh nan nithe sin, re linn (4) Artacsercseis righ Phersia, chaidh Esra mac Sheraiah, mhic Asariah, mhic Hilciah, 2 Mhic Shaluim, mhic Shadoic, mhic Ahituib, 3 Mhic Amariah, mhic Asariah [mhic Iohanain, mhic Asariah, mhic Ahimaais, mhic Shadoic, mhic Ahituib, mhic Amariah (5)] mhic Mheraoit, 4 Mhic Sheraiah, mhic Udsi, mhic Bhuci, 5 Mhic Abisua, mhic Phinehais, mhic Eleasair, mhic Aaroin an ard shagairt: 6 Chaidh Esra so suas o Bhabilon, agus e ’na scrìobhuiche deas ann an lagh Mhaois, a thug an Tighearna Dia Israeil seachad: agus thug an righ dha, chionn gu’n robh làmh an Tighearna a Dhé air, iarrtus uile. 7 Agus chaidh cuid do chloinn Israeil, agus do na sagartaibh, agus do na Lebhithich, agus do’n luchd-seinn, agus do na dorsairibh, agus do na Netinich, suas gu h-Ierusalem, anns an t-seachdamh bliadhna do Artacsercses an righ. 8 Agus thàinig e gu h-Ierusalem anns a’ chùigeadh mìos, a bha anns an t-seachdamh bliadhna do’n righ. 9 Oir air a’ cheud la do’n cheud mhìos thòisich e air dol suas o Bhabilon, agus air a’ cheud la do’n chùigeadh mìos thàinig e gu h-Ierusalem, a (1) naomhachadh, tiomnadh suas. (2) dh’ich. (3) scar. (4) ann an rìoghachadh. (5) Faic I. Eachdr. Caib. vi. r. 7, 8, 9. [TD 75] ESRA. CAIB. VII. chionn gu’n robh làmh mhaith a Dhé air. 10 Oir dh’ulluich Esra a chridhe a dh’iarraidh lagha an Tighearna, agus g’a dheanamh, agus a theagasg ann an Israel reachdan agus bhreitheanasa. 11 Agus is e so dùblachadh na litireach a thug righ Artacsercses do Esra an sagart, an scrìobhuiche, scrìobhuiche bhriathar àitheantan an Tighearna, agus a reachda do Israel: 12 Artacsercses righ nan righ, gu Esra an sagart, scrìobhuiche lagha Dhé nan nèamh, gach uile shìth (1), agus ’na leithid so do àm. 13 Tha mi a’ toirt orduigh, iadsan uile ann am rìoghachd do shluagh Israeil, agus d’a shagartaibh, agus d’a Lebhitheachaibh, leis an àill triall do h-Ierusalem, gu’n d’ théid iad maille riutsa: 14 A thaobh gu’n do chuireadh thu leis an righ, agus le sheachd comhairleachaibh, a dh’fhiosrachadh mu thimchioll Iudah agus Ierusaleim, a réir lagha do Dhé a ta ann ad làimh; 15 Agus a thoirt leat an airgid agus an òir, a thug an righ agus a chomhairlich d’an toil féin do Dhia Israeil, aig am bheil àite-còmhnuidh ann an Ierusalem; 16 Agus an airgid agus an òir uile a gheibh thu ann an uile mhòr-roinn Bhabiloin, maille re tabhartas saor-thoile an t-sluaigh agus nan sagart, a’ toirt seachad d’an saor-thoil air son tighe an Dé, a ta ann an Ierusalem: 17 A chum gu’n ceannaich thu air ball leis an airgiod so tairbh òga, reitheachan, uain, agus an tabhartais-bìdh agus an tabhartais-dibhe, agus gu’n ìobair thu iad air altair tighe bhur Dé a ta ann an Ierusalem. 18 Agus ge b’e ni a’s maith leat féin agus le d’ bhràithribh a dheanamh leis a’ chuid eile do’n airgiod agus do’n òr, a réir toile bhur Dé deanaibh. 19 Na soithiche mar an ceudna a tha air an tabhairt duit, air son seirbhis tighe do Dhé, thoir seachad am fianuis Dé Ierusaleim. 20 Agus ge b’e ni tuilleadh a bhios feumail air son tighe do Dhé, a chi thu aobhar air a bhuileachadh (2), builich e a tigh-ionmhais an righ. 21 Agus tha mise, mise féin Artacsercses an righ, a’ toirt orduigh do uile luchd-coimhead an ionmhais a ta air an taobh thall do’n abhuinn, ge b’e ni a dh’iarras Esra an sagart, scrìobhuiche lagha Dhé nan nèamh oirbh, gu’n deanar air ball e; 22 Gu ruig ceud tàlann airgid, agus gu ruig ceud tomhas cruithneachd, agus gu ruig ceud bat fìona, agus gu ruig ceud bat olaidh, agus salann gun àireamh (3). 23 Gach ni a ta a réir àithne Dhé nan nèamh, deanar gu cùramach e do thigh Dhé nan nèamh, air eagal gu’m bi fearg an aghaidh rìoghachd an righ agus a mhac. 24 Mar an ceudna tha sinn a’ toirt fios duibh a thaobh nan sagart uile agus nan Lebhi- (1) sìth iomlan. (2) a thoirt seachad, a chaitheamh. (3) gun a bhi air a scrìobhadh. Eabh. [TD 76] ESRA. CAIB. VIII. theach, an luchd-seinn, nan dorsair, nan Netineach, no sheirbhiseach tighe so Dhé, nach feudar gearradh (1), cìs, no càin a chur orra. 25 Agus suidhich thusa, Esra, a réir gliocais do Dhé a ta ann ad làimh, uachdarain, agus breitheamhna, a bheir breth air an t-sluagh uile a ta air an taobh thall do’n abhuinn, orra-san uile d’an aithne laghanna do Dhé; agus teagaisgibh iadsan do nach aithne iad. 26 Agus gach neach nach dean a réir lagha do Dhé agus lagha an righ, deanar breitheanas air ball air, ma’s ann a chum bàis, no chum fògraidh, no chum ùbhlaidh (2), no chum prìosuin (3). 27 Beannuichte gu robh an Tighearna Dia ar n-aithriche, a chuir mar so ann an cridhe an righ, a dheanamh tighe an Tighearna, a ta ann an Ierusalem, maiseach: 28 Agus a fhuair tròcair dhomhsa an fianuis an righ agus a chomhairleacha, agus am fianuis uile uachdarana cumhachdach an righ: agus neartaicheadh mi a chionn gu’n robh làmh an Tighearna mo Dhé orm, agus chruinnich mi a h-Israel daoine taghta (4) gu dol suas maille rium. CAIB. VIII. AGUS is iad so cinn an aithriche, agus an àireamh a réir an ginealacha, a chaidh suas maille rium o Bhabilon, re linn Artacsercseis an righ: 2 Do mhacaibh Phinehais; Gersem: do mhacaibh Itamair; Daniel: do mhacaibh Dhaibhidh; Hatus. 3 Do mhacaibh Shechaniah; ****: do mhacaibh Pharois; Sechariah: agus maille ris-san bha air an àireamh a réir an ginealacha do fhirionnachaibh ceud agus leth-cheud. 4 Do mhacaibh Phahat-mhoaib; Elioenai, mac Sherahiah, agus maille ris dà cheud firionnach. 5 Do mhacaibh [Shatu:] Sechaniah mac Iahasieil, agus maille ris tri cheud firionnach: 6 Agus do mhacaibh Adin; Ebed mac Ionatain, agus maille ris leth-cheud firionnach. 7 Agus do mhacaibh Elaim; Iesaiah mac Ataliah, agus maille ris tri fichead agus deich firionnaich. 8 Agus do mhacaibh Shephatiah; Sebadiah mac Mhichaeil, agus maille ris ceithir fichead firionnach. 9 Do mhacaibh Ioaib; Obadiah mac Iehieil, agus maille ris dà cheud agus ochd firionnaich dheug. 10 Agus do mhacaibh [Bhani;] Selomit mac Iosiphiah, agus maille ris ceud agus tri fichead firionnach. 11 Agus do mhacaibh Bhebai; Sechariah mac Bhebai, agus maille ris fichead agus ochd firionnaich. 12 Agus do mhacaibh Asgaid; Iohanan, mac Hacatain, agus maille ris ceud agus deich firionnaich. 13 Agus do mhacaibh deireannach Adonicaim; agus is iad so an ainmeanna, Eliphelet, Ieiel, agus Semaiah agus (1) dlighe. (2) call a mhaoin. (3) gu geimhlibh. (4) cinn. Eabh. [TD 77] ESRA. CAIB. VIII. maille riu tri fichead firionnach. 14 Agus do mhacaibh Bhigbhai, Utai agus Sabud, agus maille riu tri fichead agus deich firionnaich. 15 Agus chruinnich mi iad a dh’ionnsuidh na h-aibhne a tha teachd gu Ahabha, agus an sin dh’fhan sinn ann am bùthaibh tri laithean, agus ghabh mi beachd do’n t-sluagh, agus do na sagairt, agus cha d’fhuair mi’n sin a h-aon do mhacaibh Lebhi. 16 An sin chuir mi fios air Elieser, air Ariel, air Semaiah, agus air Elnatan (1), agus air Natan, agus air Sechariah, agus air Mesullam, prìomh dhaoine; agus air Ioiarib agus air Elnatan, daoine tuigseach. 17 Agus chuir mi iad le h-àithne gu Ido an ceann, aig àit Chasiphia, agus dh’innis mi dhoibh ciod (2) a theireadh iad re Ido, [agus] r’a bhràithribh na Netinich aig àit Chasiphia, gu’n d’thugadh iad d’ar n-ionnsuidh seirbhisich air son tighe ar Dé. 18 Agus le làimh mhaith ar Dé oirnn thug iad d’ar n-ionnsuidh Is-sechel (3) do mhacaibh Mhahli, mhic Lebhi, mhic Israeil, agus Serebiah agus a mhic agus a bhràithrean, ochd fir dheug. 19 Agus Hasabiah, agus maille ris Iesaiah do mhacaibh Mherari, a bhràithrean agus am mic, fichead. 20 Agus do na Netinich a dh’orduich Daibhidh agus na h-uachdarain air son seirbhis nan Lebhitheach, dà cheud agus fichead Netineach: ghoireadh (4) iad uile air an ainm. 21 An sin ghairm mi trosgadh san àite sin aig abhuinn Ahabha, chum gu’n irioslaicheamaid (5) sinn féin am fianuis ar Dé, a dh’iarraidh air slighe cheirt dhuinn féin, agus d’ar cloinn bhig, agus d’ar maoin uile. 22 Oir bu nàr leam buidheann shaighdearan agus marc-shluagh iarraidh air an righ, a chuideachadh leinn an aghaidh an nàmhaid air an t-slighe; a chionn gun do labhair sinn ris an righ, ag ràdh, Tha làmh ar Dé chum maith orra-san uile a dh’iarras e, ach a chumhachd agus fhearg ’nan aghaidh-san uile a thréigeas e. 23 Uime sin throisg sinn, agus dh’iarr sinn ar Dia airson so, agus dh’éisd e re’r n-athchuinge. 24 An sin chuir mi air leth dà fhear dheug dhiubhsan a b’airde do na sagartaibh, Serebiah, Hasabiah, agus deichnear d’am bràithribh maille riu. 25 Agus thomhais (6) mi dhoibh an t-airgiod, agus an t-òr, agus na soithichean, tabhartas tighe ar Dé, a thug an righ, agus a chomhairlich (7), agus a dhaoine mòra, agus Israel uile a bha làthair, seachad. 26 Thomhais mi eadhon d’an làimh sè ceud agus leth-cheud tàlann airgid, agus do shoithichibh airgid ceud tàlann, agus ceud tàlann òir; 27 Agus fichead cuach òir do (1) air Elnatan, agus air Iarib, agus air Elnatan. (2) chuir mi ’nam beul na briathra. Eabh. (3) duine tuigseach. (4) dh’ainmicheadh. (5) cràdhamaid. (6) chothromaich. (7) chomairlichean. [TD 78] ESRA. CAIB. IX. mhìle darcon, agus dà shoitheach do umha buidh maith, luachmhor mar òr. 28 Agus thubhairt mi riu, Tha sibhse naomha do’n Tighearna, agus na soithichean naomha, agus an t-airgiod agus an t-òr ’na thabhartas saor-thoile do’n Tighearna Dia bhur n-aithriche. 29 Deanaibh faire, agus coimheadaibh, gus an cothromaich sibh iad am fianuis uachdarana nan sagart, agus nan Lebhitheach, agus uachdarana aithrichean Israeil ann an Ierusalem, ann an seomraichibh tighe an Tighearna. 30 Uime sin ghabh na sagairt agus na Lebhithich cothrom an airgid agus an òir, agus nan soitheach, chum an tabhairt gu h-Ierusalem a dh’ionnsuidh tighe ar Dé. 31 Agus dh’imich sinn o abhuinn Ahabha air an dara latha deug do’n cheud mhìos, gu dol do h-Ierusalem; agus bha làmh ar Dé oirnn, agus shaor e sinn o làimh an nàmhaid, agus o’n làimh-san a bha deanamh feall-fholach air an t-slighe. 32 Agus thàinig sinn gu h-Ierusalem, agus dh’fhan sinn an sin tri laithean. 33 Agus air a’ cheathramh là thomhaiseadh an t-airgiod agus an t-òr, agus na soithichean ann an tigh ar Dé le làimh Mheremoit mhic Uriah an t-sagairt, agus maille ris bha Eleasar mac Phinehais, agus maille riu-san Iosabad mac Iesua, agus Noadiah mac Bhinui, Lebhithich: 34 A réir àireimh agus a réir tomhais nan uile: agus scrìobhadh an tomhas uile san àm sin. 35 Thug clann na muinntir a thugadh air falbh, agus a thàinig o’n bhraighdeanas, seachad ìobairtean-loisgte do Dhia Israeil, dà tharbh dheug òg airson Israeil uile, ceithir fichead agus sè reithe deug, tri fichead agus seachd uain dheug, dà bhoc dheug gaibhre mar ìobairt-pheacaidh: iad uile ’nan iobairt-loisgte do’n Tighearna. 36 Agus thug iad seachad orduighean an righ do ard riaghlairibh an righ, agus do na h-uachdaranaibh air an taobh so do’n abhuinn; agus chuir iadsan an sluagh agus tigh Dhé air an aghaidh. CAIB. IX. AGUS an uair a rinneadh na nithe sin, thàinig na h-uachdarain a m’ ionnsuidh, ag ràdh, Cha do dhealaich sluagh Israeil, agus na sagairt, agus na Lebhithich iad féin o shluagh na tìre, a’ deanamh a réir an gràineileachda, eadhon nan Canaanach, nan Hiteach, nam Periseach, nan Iebusach, nan Amonach, nam Moabach, nan Eiphiteach, agus nan Amorach. 2 Oir ghabh iad d’an nigheanaibh dhoibh féin agus d’am macaibh, agus mheasg an sliochd naomha iad féin re sluagh nan tìr: agus bha làmh nan uachdaran agus nan riaghlair air thoiseach anns a’ chionta so. 3 Agus an uair a chuala mi an ni so, reub mi m’eudach, agus m’fhalluing, agus spìon [TD 79] ESRA. CAIB. IX. mi cuid do ghruaig mo chinn agus m’fheusag, agus shuidh mi sìos fo uamhann (1). 4 An sin chruinnicheadh am’ ionnsuidh iadsan uile a chriothnaich roimh bhriathraibh Dhé Israeil air son euceirt na muinntir a thugadh air falbh, agus shuidh mi fo uamhann gu ruig an ìobairt-fheasgair. 5 Agus aig an ìobairt-fheasgair dh’éirich mi o’m thuirse, le m’eudach agus m’fhalluing reubta umam, agus leag mi mi féin air mo ghlùinibh, agus sgaoil mi mach mo làmhan a dh’ionnsuidh an Tighearna mo Dhé, 6 Agus thubhairt mi, O mo Dhia, tha nàir orm agus rudhadh gruaidh m’ aghaidh thogail riutsa, mo Dhia: oir tha ar n-eucearta air fàs lìonmhor os ar cionn, agus tha ar cionta air éirigh suas gu nèamh. 7 O laithibh ar n-aithriche bha sinn ann an cionta mòr gu ruig an la ’n diugh, agus air son ar n-eucearta thugadh thairis sinn féin, ar righrean, ar sagairt do làimh righrean nan tìr, do’n chlaidheamh, do dhaorsa, agus do chreachadh, agus do nàire gnùise, mar air an la ’n diugh. 8 Agus a nis car tamuill bhig nochdadh gràs (2) o’n Tighearn ar Dia, a dh’fhàgail duinn fuighill (3), agus a thabhairt tairnge dhuinn ’na ionad naomha, chum gu’n soillsicheadh ar Dia ar sùilean, agus gu’n d’thugadh e dhuinn beagan beothachaidh ’nar daorsa: 9 Oir bha sinne ’nar tràillibh, gidheadh ’nar daorsa cha do thréig ar Dia sinn, ach fhuair e tròcair dhuinn ann an sùilibh righrean Phersia, a thoirt duinn ath-bheothachaidh a chur suas tighe ar Dé, agus a leasachadh na mhilleadh ann (4), agus a thoirt duinn ballaidh ann an Iudah agus ann an Ierusalem. 10 Agus a nis, O ar Dia, ciod a their sinn an déigh so? oir thréig sinn t’àitheanta, 11 A dh’àithn thu le d’ sheirbhisich na fàidhean, ag ràdh, Tha’n talamh d’am bheil sibh a’ dol g’a shealbhachadh, ’na thalamh neo-ghlan le neo-ghloine shluaigh nan tìr, le’n gràineileachdaibh a lìon e o cheann gu ceann, le’n salchar. 12 A nis ma ta na d’thugaibh bhur nigheana d’am macaibh, agus an nigheana-san na gabhaibh do bhur macaibh-sa, agus na h-iarraibh an sìth, no an saibhreas gu bràth; chum gu’m bi sibh làidir, agus gu’n ith sibh maith an fhearainn, agus gu’m fàg sibh e ’na oighreachd do’r cloinn gu bràth. 13 Ach an déigh gach ni a thàinig oirnn airson ar droch oibre, agus airson ar ciontaidh mhòir, o nach d’rinn thusa ar Dia peanas oirnn a réir ar droch thoillteanais (5), agus gu’n d’thug thu dhuinn a leithid so do shaor-sa; 14 Nam briseamaid a rìs t’àitheanta, agus nan deanamaid cleamhnas re sluagh nan gràineileachd sin, nach biodh fearg ort ruinn gus an cuireadh tu as duinn, air chor as nach biodh fuigheall no dol as ann? 15 A Thighearna Dhé Is- (1) ioghnadh. (2) bàigh. (3) dol as. (4) fhàsaichean. (5) gu’n do chaomhain thu sinn thar mar a thoill ar peacanna. [TD 80] ESRA. CAIB. X. raeil, is ceart thusa, oir tha sinn a làthair a thàinig as (1), mar air an la’n diugh. Feuch, tha sinn a’ t’ fhianais ’nar peacannaibh: oir cha’n urrainn sinn seasamh a’ t’ fhianais airson so. CAIB. X. ANIS an uair a rinn Esra urnuigh, agus a dh’aidich e, a’ gul, agus ’ga thilgeadh féin sìos fa chomhair tighe Dhé, chruinnich d’a ionnsuidh a h-Israel comhchruinneachadh ro-mhòr do fhearaibh, agus do mhnaibh, agus do chloinn; oir ghuil an sluagh gu mòr (2). 2 Agus labhair (3) Sechaniah mac Iehieil, aon do mhacaibh Elaim, agus thubhairt e re h-Esra, Pheacaich sinn anaghaidh ar Dé, agus ghabh sinn d’ar n-ionnsuidh mnài choimheach (4) do shluagh na tìre: ach anis tha dòchas aig Israel a thaobh an ni so. 3 A nis uime sin deanamaid coi’-cheangal re’r Dia, na mnài uile a chur uainn, agus iadsan a rugadh leo, a réir comhairle mo Thighearna, agus na muinntir a chriothnuicheas re àithne ar Dé agus deanar a réir an lagha. 4 Eirich; oir dhuitse buinidh an ni so, agus bithidh sinne maille riut: gabh misneach, agus dean. 5 Agus dh’éirich Esra, agus thug e air na h-ard-shagartaibh, na Lebhithich, agus Israel uile mionnachadh, gu’n deanadh iad a réir an fhocail so: agus mhionnaich iad. 6 An sin dh’éirich Esra o làthair tighe Dhé, agus chaidh e do sheòmar Iohanain, mhic Eliasib: agus an uair a thàinig e ’n sin, cha d’ith e aran, agus cha d’òl e uisge; oir rinn e bròn airson ciontaidh na muinntir a thugadh air falbh. 7 Agus thug iad gairm air feadh Iudah agus Ierusaleim do uile chloinn a’ bhraighdeanais, iad a chruinneachadh re chéile gu h-Ierusalem; 8 Agus ge b’e neach nach d’thigeadh an cionn thri laithean, a réir comhairle nan uachdaran agus nan seanair, gu’n d’thugta uaith (5) a mhaoin uile, agus gu’m biodh e féin air a dhealachadh o cho’-chruinneachadh na muinntir a thugadh air falbh. 9 Agus chruinnicheadh fir Iudah agus Bheniamin uile gu h-Ierusalem an cionn thri laithean: bha e anns an naothadh mìos, air an fhicheadadh la do’n mhìos: agus shuidh an sluagh uile ann an sràid tighe Dhé, air chrith air son an ni so, agus air son an uisge mhòir. 10 Agus dh’éirich Esra an sagart, agus thubhairt e riu, Pheacaich sibh, agus ghabh sibh dhuibh féin mnài choimheach a mheudachadh peacaidh Israeil. 11 A nis ma ta deanaibh aidmheil (6) do’n Tighearna Dia bhur n-aithriche, agus coi’-lionaibh a thoil; agus dealaichibh sibh féin o shluagh na tìre, agus o na mnaibh coimheach. 12 Agus fhreagair an coi’-thional uile, agus thubhairt iad le guth ard, Mar sin, a réir t’fhocail, tha e ceangailte oirnne a dheanamh. 13 Ach tha’n sluagh lìonmhor, (1) tha fuigheall a làthair dhinn. (2) le gul mòr. Eabh. (3) fhreagair. (4) choigreach. (5) gu’n cailleadh e. (6) thugaibh glòir. [TD 81] ESRA. CAIB. X. agus is àm mòr uisge e, agus cha’n urrainn sinn seasamh a muigh, agus cha’n obair aon latha, no dà latha so, oir tha sinn lìonmhor a pheacaich anns an ni so. 14 Seasadh a nis ar n-uachdarain do’n choi’-thional uile, agus aig àmannaibh suidhichte thigeadh iadsan uile ’nar bailtibh a ghabh dhoibh féin mnài choimheach, agus maille riu seanairean gach baile, agus a bhreitheamhna, gus an tionndaidhean fearg laiste ar Dé uainn a thaobh an ni so. 15 Sheas a mhàin Ionatan mac Asaheil, agus Iahasiah mac Thicbhah air son so: agus chuidich Mesulam agus Sabetai an Lebhitheach leo. 16 Agus rinn clann a’bhraighdeanais mar sin: agus dhealaicheadh Esra an sagart, agus cinn àraidh nan aithriche a réir tighe an aithriche, agus iad uile a réir an ainmean, agus shuidh iad sìos air a’ cheud là do’n deicheamh mìos a rannsachadh na cùise. 17 Agus chrìochnaich iad a thaobh nan daoine uile a ghabh dhoibh féin mnài choimheach, air a’ cheud là do’n cheud mhìos. 18 Agus am measg mhac nan sagart fhuaradh a ghabh dhoibh féin mnài choimheach: Do mhacaibh Iesua, mhic Iosadaic, agus a bhràithrean; Maaseiah agus Elieser, agus Iarib, agus Gedaliah. 19 Agus thug iad an làmha gu’n cuireadh iad uatha am mnài: agus air dhoibh bhi ciontach, thug iaa reithe do’n treud airson an ciontaidh. 20 Agus do mhacaibh Imeir; Hanani, agus Sebadiah. 21 Agus do mhacaibh Harim; Maaseiah, agus Eliah, agus Semaiah, agus Iehiel, agus Udsiah. 22 Agus do mhacaibh Phasuir; Elioenai, Maaseiah, Ismael, Netaneel, Iosabad, agus Elasah. 23 Agus do na Lebhithich; Iosabad, agus Simei, agus Celaiah (is e sin Celita,) Petahiah, Iudah, agus Elieser. 24 Agus do’n luchd-seinn; Eliasib: agus do na dorsairibh; Salum, agus Telem, agus Uri. 25 Agus do Israel; Do mhacaibh Pharois; Ramaiah, agus Iesiah, agus Malchiah, agus Miamin, agus Eliaser, agus Malchia, agus Benaiah. 26 Agus do mhacaibh Elaim; Mataniah, Sechariah, agus Iehiel, agus Abdi, agus Ierimot, agus Eliah. 27 Agus do mhacaibh Shatu; Elioenai, Eliasib, Mataniah, agus Ieremot, agus Sabad, agus Asisa. 28 Agus do mhacaibh Bhebai; Iehohanan, Hananiah, Sabai, agus Atlai. 29 Agus do mhacaibh Bhani; Mesulam, Maluch, agus Adaiah, Iasub, agus Seal, agus Ramot. 30 Agus do mhacaibh Phahat-mhoaib; Adna, agus Chelal, Benaiah, Maaseiah, Mataniah, Besaleel, agus Binui, agus Manaseh. 31 Agus do mhacaibh Harim; Elieser, Isiah, Malchiah, Semaiah, Simeon, 32 Beniamin, Maluch, agus Semariah. 33 Do mhacaibh Hasuim; [TD 82] ESRA. CAIB. X. Matenai, Matatah„ Sabad, Eliphelet, Ieremai, Manaseh, agus Simei. 34 Do mhacaibh Bhani; Maadai, Amrom, agus Uel, 35 Benaiah, Bedaiah, Cheluh, 36 Bhaniah, Meremot, Eliasib, 37 Mataniah, Matenai, agus Iaasau, 38 Agus Bani, agus Binui, Simei, 39 Agus Selemiah, agus Natan, agus Adaiah, 40 Machnadebai, Sasai, Sarai, 41 Asareel, agus Selemiah, Semariah, 42 Salum, Amariah, agus Ioseph. 43 Do mhacaibh Nebo; Ieiel, Matitiah, Sabad, Sebina, Iadau, agus Ioel, Benaiah. 44 Ghabh iad sin uile dhoibh féin mnài choimheach: agus aig cuid diubh bha mnài ris an robh clann aca. [TD 83] NEHEMIAH. CAIB. I. BRIATHRA Nehemiah mhic Hachaliah (1). Agus tharladh anns a’ mhìos Chisleu, anns an fhicheadamh bliadhna, ’nuair a bha mi ann an Susan an luchairt, 2 Gu’n d’thàinig Hanani, aon do m’ bhràithribh, e féin agus daoine do Iudah, agus dh’fheòraich mi dhiubh a thaobh nan Iudhach a chaidh as, a dh’fhàgadh do’n bhraighdeanas, agus mu thimchioll Ierusaleim. 3 Agus thubhairt iad rium, Tha ’m fuigheall a dh’fhàgadh do’n bhraighdeanas an sin anns a’ mhòr-roinn, ann an àmhghar mòr agus ann am mi-chliu (2); agus bhriseadh balladh Ierusaleim sìos, agus loisgeadh a geatacha le teine. 4 Agus an uair a chuala mi na briathra so, shuidh mi sìos, agus ghuil mi, agus rinn mi bròn laithean àraidh, agus throisg mi, agus rinn mi urnuigh am fianuis Dhé nan nèamh, 5 Agus thubhairt mi, Guidheam ort, a Thighearna, Dhé nan nèamh; an Dia mòr agus uamhasach, a ghleidheas coi’-cheangal agus tròcair dhoibhsan a ghràdhaicheas e, agus a choimheadas àitheanta; 6 Biodh do chluas a nis furachar, agus do shùilean fosgailte, chum as gu’n éisd thu re h-urnuigh t’òglaich, a tha mi a’ deanamh a’t’ fhianais anis, a là agus a dh’oidhche, airson chloinn Israeil t’òglacha: agus tha mi ’g aideachadh pheacanna chloinn Israeil, a pheacaich sinn a’t’aghaidh: pheacaich araon mise agus tigh m’athar. 7 Rinn sinn gu ro-thruaillidh ad’thaobh-sa, agus cha do ghléidh sinn na h-àitheanta, no na reachda, no na breitheanais a dh’àithn thu do t’òglach Maois. 8 Cuimhnich, guidheam ort, am focal a dh’àithn thu do t’òglach Maois, ag ràdh, Ma pheacaicheas sibh, sgapaidh mise sibh am measg nan cinneach. 9 Ach ma philleas sibh am’ionnsuidh, agus gu’n coimhid sibh m’àitheantan, agus gu’n dean sibh iad, ge do robh iad dhibh air an tilgeadh a mach do’n chuid a’s iomallaiche do nèamh, cruinnichidh mi as sin iad, agus bheir mi iad do’n àit a thagh mi, a chur m’ainme an sin. 10 A nis is iad so do sheirbhisich agus do shluagh, a shaor thu le d’ mhòr chumhachd, agus le d’ làimh thréin. 11 A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a nis furachar re h-urnuigh do sheir- (1) Hilciah. (2) fo thasart. [TD 84] NEHEMIAH. CAIB. II. bhisich, agus re h-urnuigh t’òglacha, le’m miann eagal t’ainme bhi orra: agus soirbhich, guidheam ort, le d’ sheirbhiseach an diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine so. Anis bha mise a’m’ ghille-cupain aig an righ. CAIB. II. AGUS tharladh ann am mìos Nisain, anns an fhicheadamh bliadhna do Artacsercses an righ, gu’n robh fìon roimhe; agus ghabh mi am fìon, agus thug mi e do’n righ. Agus cha robh mise roimhe sin dubhach ’na fhianais (1). 2 Uime sin thubhairt an righ rium, C’arson a tha do ghnùis dubhach (2), agus gun thu bhi tinn? cha ni eile so ach cràdh cridhe. Agus bha eagal mòr orm; 3 Agus thubhairt mi ris an righ, Gu maireadh an righ gu bràth: c’arson nach biodh mo ghnùis dubhach, an uair a tha ’m baile, àit-adhlacaidh m’aithriche, air fhàsachadh, agus a gheatachan air an caitheadh le teine? 4 Agus thubhairt an righ rium, Ciod é so a tha thu ag iarraidh? Agus rinn mi urnuigh re Dia nan nèamh: 5 Agus thubhairt mi ris an righ, Ma’s maith leis an righ, agus ma gheibh do sheirbhiseach deagh-ghean a’t’fhianais, gu’n cuireadh tu mi dh’ionnsuidh Iudah, gu baile àit-adhlacaidh m’aithriche, agus gu’n tog mi e. 6 Agus thubairt an righ rium, agus a’ bhan-righinn ’na suidhe làimh ris, Cia fad an ùine bhios tu air do thurus; agus c’uin a philleas tu? Agus bu toil leis an righ mo chur air falbh, agus shuidhich mi àm ris. 7 Agus thubhairt mi ris an righ, Ma’s toil leis an righ, thugar litrichean dhomh a dh’ionnsuidh nan uachdaran air an taobh thall do’n abhuinn, chum gu’n cuir iad thairis mi gus an d’thig mi gu Iudah; 8 Agus litir gu Asaph fear-gleidhidh frìthe an righ, chum gu’n d’thoir e dhomh fiodh a dheanamh sailthean air son gheatachan na lùchairt a bhuineas do’n tigh, agus air son ballaidh a’ bhaile, agus air son an tighe d’an d’théid mi. Agus thug an righ dhomh, a réir làimhe mhaith mo Dhé orm. 9 Agus thàinig mi dh’ionnsuidh nan uachdaran air an taobh eile do’n abhuinn, agus thug mi dhoibh litrichean an righ. Anis chuir an righ maille rium ceannardan do’n armailt agus marc-shluagh. 10 An uair a chuala Sanbalat an t-Horonach, agus Tobiah an seirbhiseach an t-Amonach e, chuir e doilgheas mòr orra gu’n d’thàinig duine a dh’iarraidh leas chloinn Israeil. 11 Agus thàinig mi gu h-Ierusalem, agus bha mi ’n sin tri laithean. 12 Agus dh’éirich mi san oidhche, mi féin agus beagan dhaoine maille rium; ach cha d’innis mi do dhuine ciod a (1) cha bu ghnàth leamsa bhi dubhach ’na fhianuis; cha robh mi olc ’na fhianuis. Eabh. (2) olc. Eabh. [TD 85] NEHEMIAH. CAIB. III. chuir mo Dhia ann am chridhe a dheanamh ann an Ierusalem: agus cha robh ainmhidh maille rium, ach an t-ainmhidh air an do mharcaich mi. 13 Agus chaidh mi mach san oidhche air geatadh a’ ghlinne, agus fa chomhair tobair an dragoin, agus gu geatadh an aolaich, agus ghabh mi sealladh do bhallachaibh Ierusaleim, a bha air am briseadh sìos, agus d’a geatachaibh a bha air an caitheadh le teine. 14 Agus chaidh mi air m’aghaidh gu geatadh an tobair, agus gu lochan an righ: ach cha robh àit ann do’n ainmhidh a bha fodham gu dol thairis. 15 An sin chaidh mi suas san oidhche làimh ris an t-sruth, agus ghabh mi sealladh do’n bhalladh, agus thionndaidh mi air m’ais, agus chaidh mi steach air geatadh a’ ghlinne, agus phill mi. 16 Agus cha robh fios aig na riaghlairibh c’àit an deachaidh mi, no ciod a rinn mi, agus cha d’innis mi e do na h-Iudhachaibh, no do na sagartaibh, no do na h-ard uaislibh, no do na riaghlairibh, no do’n chuid eile a rinn an obair. 17 Agus thubhairt mi riu, Tha sibh a’ faicinn a’ chruaidhchais anns am bheil sinn, mar a ta Ierusalem air a fàsachadh, agus a geatachan air an losgadh le teine: thigibh agus togamaid balladh Ierusaleim, chum as nach bi sinn ni’s mò ’nar masladh. 18 Agus dh’innis mi dhoibh a thaobh làimhe mo Dhé a bha maith orm, agus mar an ceudna briathran an righ a labhair e rium. Agus thubhairt iad, Eireamaid agus togamaid. Agus neartaich iad an làmhan chum maith. 19 Ach an uair a chuala Sanbalat an t-Horonach, agus Tobiah an seirbhiseach an t-Amonach, agus Gesem an t-Arabach e, rinn iad gàire fanoid oirnn, agus rinn iad tàir oirnn, agus thubhairt iad, Ciod an ni so a tha sibh a’ deanamh? an dean sibh ceannairc an aghaidh an righ? 20 An sin fhreagair mi iad, agus thubhairt mi riu, Dia nan nèamh, soirbhichidh esan leinn: a chionn gur sinne a sheirbhisich, éiridh sinn agus togaidh sinn: ach agaibhse cha ’n’eil cuibhrionn, no còir, no cuimhneachan ann an Ierusalem. CAIB. III. AGUS dh’éirich Eliasib an t-ard shagart maille r’a bhràithribh na sagairt, agus thog iad geatadh nan caorach: naomhaich iad e, agus chuir iad suas a chomhlachan: eadhon gu ruig tùr Mheah naomhaich iad e, agus gu ruig tùr Hananeeil. 2 Agus làimh ris-san thog fir Iericho: agus làimh riu-san (1) thog Sacur mac Imri. 3 Ach geatadh an éisg thog mic Hasenaah: leag iad a shailthean, agus chuir iad suas a chomhlachan, a ghlasan, agus a chroinn. (1) ris-san. [TD 86] NEHEMIAH. CAIB. III. 4 Agus làimh riu-san leasaich (1) Meremot mac Uriah, mhic Chois: agus làimh ris-san (2) leasaich Mesulam mac Bherechiah, mhic Mhesesabeil: agus làimh riu-san leasaich Sadoc mac Bhaanah. 5 Agus làimh riu-san leasaich na Tecoaich: ach cha do chuir an ard uaislean am muineal re seirbhis an Tighearna. 6 Agus an seann gheatadh leasaich Iehoiado mac Phaseah, agus Mesulam mac Bhesodeiah: leag iad a shailthean, agus chuir iad suas a chomhlachan, agus a ghlasan, agus a chroinn. 7 Agus làimh riu-san leasaich Melatiah an Gibeonach, agus Iadon am Meronotach, fir Ghibeoin agus Mhispah, gu ruig righ-chathair an uachdarain air an taobh so do’n abhuinn. 8 Làimh ris-san leasaich Udsiel mac Harhaiah, do na h-òr-cheardaibh: agus làimh ris-san leasaich Hananiah, mac aoin do na léighibh, agus neartaich iad Ierusalem gu ruig am balladh leathann. 9 Agus làimh riu-san leasaich Rephaiah mac Huir, riaghlair leth-roinne (3) Ierusaleim. 10 Agus làimh ris-san (4) leasaich Iedaiah mac Harumaiph, eadhon fa chomhair a thighe: agus làimh ris-san leasaich Hatus mac Hasabniah. 11 An t-ath-thomhas leasaich Malchiah mac Harim, agus Hasub mac Phahat-mhoaib, agus tùr nan àmhuinn. 12 Agus làimh ris-san leasaich Salum mac Haloheis, riaghlair leth-roinne Ierusaleim, e féin agus a nigheana. 13 Geatadh a’ ghlinne leasaich Hanun, agus luchd-àiteachaidh Shanoah: thog iad e, agus chuir iad suas a chomhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus mìle làmh-choille do’n bhalladh, gu ruig geatadh an aolaich. 14 Ach geatadh an aolaich leasaich Malchiah mac Rechaib, riaghlair roinne Bhet-hacereim: thog se e, agus chuir e suas a chomhlachan, a ghlasan, agus a chroinn. 15 Ach geatadh an tobair leasaich Salum mac Chol-hoseh, riaghlair roinne Mhispah: thog se e, agus chuir e dìon air, agus chuir e suas a chomhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus balladh lochain Shiloah làimh re lios an righ, agus gu ruig na ceuman a’ dol sìos o bhaile Dhaibhidh. 16 ’Na dhéigh-san leasaich Nehemiah mac Asbuic, riaghlair leth-roinne Bhet-suir, gu ruig fa chomhair àitean-adhlacaidh Dhaibhidh, agus gu ruig an lochan a rinneadh, agus gu ruig Bet-agbarim (5). 17 ’Na dhéigh-san leasaich na Lebhithich, Rehum mac Bhani: làimh ris-san leasaich Hasabiah, riaghlair leth-roinne Cheilah, ’na roinn féin. 18 ’Na dhéigh-san leasaich am bràithrean, Babhai mac Henadaid, riaghlair leth-roinne Cheilah. 19 Agus làimh ris-san leasaich Eser mac Iesua, riaghlair Mhispah, an t-ath-thomhas fa chomh- (1) chàirich. (2) riu-san. (3) tìre. (4) riu-san. (5) tigh nan gaisgeach. [TD 87] NEHEMIAH. CAIB. IV. air an dol suas do’n arm-thigh aig an tionndadh. 20 ’Na dhéigh san leasaich (1) Baruch mac Shabai an t-ath-thomhas, o’n tionndadh gu ruig dorus tighe Eliasib an ard-shagairt. 21 ’Na dhéigh-san leasaich Meremot mac Uriah, mhic Acois (2), an t-ath-thomhas, o dhorus tighe Eliasib gu ruig ceann tighe Eliasib. 22 Agus ’na dhéigh-san leasaich na sagairt, daoine a’ chòmhnaird. 23 ’Nan déigh-san (3) leasaich Beniamin, agus Hasub, fa chomhair an tighe: ’na dhéigh-san leasaich Asariah mac Mhaaseiah, mhic Ananiah, làimh r’a thigh. 24 ’Na dhéigh san leasaich Binui, mac Henadaid, an t-ath-thomhas, o thigh Asariah gu ruig an tionndadh, agus gu ruig an oisinn: 25 Palal mac Udsai, fa chomhair an tionndaidh, agus an tùir a tha dol a mach o thigh ard an righ, a bha làimh re cùirt a’ phrìosuin: ’na dhéigh-san Pedaiah mac Pharois. 26 Mar an ceudna na Netinich a bha chòmhnuidh ann an Ophel, gu ruig fa chomhair geataidh an uisge a làimh na h-airde ’n ear, agus an tùir a tha dol a mach. 27 ’Nan déigh-san leasaich na Tecoaich an t-ath-thomhas, fa chomhair an tùir mhòir a tha dol a mach, gu ruig balladh Opheil. 28 O thaobh shuas geataidh nan each leasaich na sagairt, gach aon fa chomhair a thighe. 29 ’Nan déigh-san (4) leasaich Sadoc mac Imeir, fa chomhair a thighe: agus ’na dhéigh-san leasaich Semaiah, mac Shechaniah, fear-gleidhidh an doruis an ear. 30 ’Na dhéigh-san leasaich Hananiah, mac Shelemiah, agus Hanun, seathadh mac Shalaiph, an t-ath-thomhas: ’na dhéigh-san leasaich Mesulam mac Bherechiah, fa chomair a sheòmair féin. 31 ’Na dhéigh-san leasaich Malchiah, mac an òr-cheird, gu àit nan Netineach, agus nan ceannaiche, fa chomhair geataidh Mhiphcaid, agus gu dol suas na h-oisinne. 32 Agus o (5) dhol suas na h-oisinne gu geatadh nan caorach, leasaich na h-òr-cheird agus na ceannaichean. CAIB. IV. AGUS an uair a chuala Sanbalat gu’n robh sinn a’ togail a’ bhallaidh, bha fearg air, agus bha e ann an corruich ro-mhòir, agus rinn e fanoid air na h-Iudhachaibh. 2 Agus labhair e ’m fianuis a bhràithrean agus armailte Shamaria, agus thubhairt e, Ciod a ni na h-Iudhaich anmhunn so? an daingnich siad iad féin (6)? an ìobair iad? an crìochnaich iad ann an latha? an tog iad suas arìs (7) na clachan as na dùnaibh luaithre a chaidh losgadh? 3 Agus bha Tobiah an t-A- (1) leasaich gu dìchiollach. (2) Chois. (3) ’Na dhéigh-san. (4) ’Na dhéigh-san. (5) eadar. Eabh. (6) an leig iad leo? (7) an ath-bheothaich iad. [TD 88] NEHEMIAH. CAIB. IV. monach làimh ris, agus thubhairt e, Eadhon an ni a tha iad a’ togail, ma théid sionnach suas, brisidh e sìos am balladh cloiche. 4 Eisd, O ar Dia, oir tha tàir air a dheanamh oirnn, agus tionndaidh am masladh air an ceann féin, agus tabhair iad ’nan cobhartach ann an tìr a’ bhraighdeanais: 5 Agus na còmhdaich an euceart, agus na dubhar a mach am peacadh (1) as t’fhianuis; oir bhrosnuich iad thu gu feirg an làthair an luchd-togail. 6 Agus thog sinn am balladh, agus cheangladh am balladh uile re chéile gu ruig a leth: oir bha toil aig an t-sluagh obair a dheanamh. 7 Ach an uair a chuala Sanbalat agus Tobiah, agus na h-Arabaich, agus na h-Amonaich, agus na h-Asdodaich gu’n robh uile bhallacha Ierusaleim ’gan cur suas, gu’n do thòisich na bearnan re bhi air an dùnadh, an sin bha fearg mhòr orra. 8 Agus chuir iad uile an comhairle re chéile iad a theachd a chogadh an aghaidh Ierusaleim, agus g’a bhacadh. 9 Ach rinn sinne urnuigh r’ar Dia, agus shuidhich sinn freiceadan ’nan aghaidh a là agus a dh’oidhche fa’n comhair. 10 Agus thubhairt Iudah, Tha neart luchd-iomchair nan eallach air fàilingeadh, agus mòran luaithre ann, air chor as nach urradh sinn am balladh a thogail. 11 Agus thubhairt ar naimhdean, Cha bhi fios aca, agus cha ’n fhaic iad, gus an d’thig sinn a stigh ’nam meadhon, agus gu marbh sinn iad, agus gu’n cuir sinn stad air an obair. 12 Agus an uair a thàinig na h-Iudhaich a bha chòmhnuidh làimh riu, thubhairt iad ruinn deich uairean, As gach àit o’m pill sibh d’ar n-ionnsuidh-ne, bithidh iad oirbh (2). 13 Uime sin shuidhich mi anns na h-àitibh a b’ìsle air cùlaobh a’ bhallaidh agus air na h-àitibh a b’airde, shuidhich mi eadhon an sluagh a réir an teaghlaichean le’n cloidhibh, le’n sleaghannaibh, agus le’m boghannaibh. 14 Agus dh’amhairc, agus dh’éirich mi, agus thubhairt mi ris na h-ard uaislibh, agus ris na riaghlairibh, agus ris a’ chuid eile do’n t-sluagh, Na biodh eagal oirbh rompa: cuimhnichibh an Tighearna mòr agus uamhasach, agus cogaibh (3) air son bhur bràithre, bhur mac, agus bhur nigheana, bhur ban, agus bhur tighean. 15 Ach an uair a chual ar naimhdean gu’n d’fhuair sinn fios air, agus a thug Dia an comhairle gu neo-ni, phill sinn uile dh’ionnsuidh a’ bhallaidh, gach aon a dh’ionnsuidh oibre féin. 16 Agus o’n àm sin a mach dh’oibrich leth m’òglach-sa anns an obair, agus chum an leth eile dhiubh na sleaghanna, na sgiathan, agus na boghanna, agus na lùirichean; agus bha na (1) peacanna. (2) O gach uile àit d’an tionndaidh sibh, bithidh iad oirnn. (3) còmhraigibh. [TD 89] NEHEMIAH. CAIB. V. riaghlairean air cùlaobh uile thighe Iudah. 17 Dh’oibrich iadsan a thog air a’ bhalladh, agus iadsan a ghiùlain eallacha, maille riu-san a luchdaich, gach aon le aon làimh anns an obair, agus leis an làimh eile chum e gath (1). 18 Agus bha aig gach aon do’n luchd-togail a chlaidheamh criosraichte air a leis, an uair a thog iad: agus bha esan a shéid an trompaid làimh riumsa. 19 Agus thubhairt mi ris na h-ard uaislibh, agus ris na riaghlairibh, agus ris a’ chuid eile do’n t-sluagh, Tha’n obair mòr agus farsaing (2), agus tha sinn air ar dealachadh air a’ bhalladh gach aon fada o chéile. 20 Ge b’e àit anns an cluinn sibh fuaim na trompaide, cruinnichibh an sin d’ar n-ionnsuidh-ne: cogaidh ar Dia air ar son. 21 Agus shaothraich sinn anns an obair: agus chum leth dhiubh sleaghanna o éirigh na maidne gus am facas (3) na rionnagan. 22 Mar an ceudna san àm sin thubhairt mi ris an t-sluagh, Fanadh gach aon maille r’a òglach ann an Ierusalem, chum gu’m bi iad ’nam freiceadan dhuinn san oidhche, agus san là ’nan oibrichibh. 23 Agus cha do chuir mise no mo bhràithrean, no m’òglaich, no fir an fhreiceadain a lean mi, dhinn ar n-eudach; ach a mhàin gu’n do chuir gach duine dheth e air son ionnlaid (4). CAIB. V. AGUS bha gàir mhòr aig an t-sluagh, agus aig am mnaibh, an aghaidh am bràithre nan Iudhach. 2 Agus bha ann a thubhairt, Le ar mic agus ar nigheana tha sinne lìonmhor; agus gabhaidh sinn sìol air an son, chum gu’n ith sinn agus gu’m bi sinn beo. 3 Agus bha ann a thubhairt, Ar fearann, agus ar fìon-liosan, agus ar tighean bheir sinn an geall, chum gu’m faigh sinn sìol anns a’ ghorta. 4 Agus bha ann a thubhairt, Ghabh sinn airgiod an coingheall air son cìse an righ air ar fearann agus ar fìon-liosaibh. 5 Agus a nis mar fheoil ar bràithre tha ar feoil-ne, mar am mic-san ar mic-ne; ach feuch, tha sinn a’ toirt thairis ar mac agus ar nigheana gu bhi ’nan tràillibh, agus tha cuid d’ar nigheanaibh air an toirt thairis a cheana, agus gun chomas againn am fuasgladh, an uair a ta ar fearann agus ar fìon-liosan aig daoinibh eile. 6 Agus bha fearg mhòr orm an uair a chuala mi an gàir, agus na briathra sin. 7 Agus chuir mi mo chomhairle re m’ chridhe féin, agus chronaich mi na h-ard uaislean, agus na riaghlairean, agus thubhairt mi riu, Tha gach aon agaibh a’ togail aindlighe (5) o a bhràthair. Agus chuir mi comh-chruinneachadh mòr ’nan aghaidh. 8 Agus thubhairt mi riu, Shaor sinne a réir ar comais ar (1) ball-tilgidh. (2) sgoilteach. (3) an d’éirich. (4) aig gach duine bha a ghath agus uisge. (5) ocair. [TD 90] NEHEMIAH. CAIB. V. bràithre na h-Iudhaich a reiceadh ris na cinnich, agus an reic sibhse mar an ceudna bhur bràithre, agus an reicear iad ruinn féin? Agus bha iad ’nan tosd, agus cha d’fhuair iad ni air bith re ràdh. 9 Mar an ceudna thubhairt mi, Cha mhaith an ni a tha sibh a’ deanamh: nach buineadh dhuibh gluasad ann an eagal ar Dé, air son maslaidh nan cinneach ar naimhde? 10 Dh’fheudainn-se cuideachd, mo bhràithre, agus m’òglaich, airgiod agus sìol a thogail uatha. Leigeamaid dhinn, guidheam oirbh, an t-aindlighe so (1). 11 Aisigibh dhoibh, guidheam oirbh, mar air an latha ’n diugh, am fearann, am fìon-liosan, an liosan-olaidh, agus an tighean; mar an ceudna cuid do’n airgiod (2) agus do’n t-sìol, do’n fhìon agus do’n oladh, a tha sibh a’ togail uatha. 12 Agus thubhairt iadsan, Aisigidh sinn, agus cha’n iarr sinn uatha: mar sin ni sinn mar a ta thu ’g ràdh. An sin ghairm mi na sagairt, agus ghabh mi mionnan diubh gu’n deanadh iad a réir a’ gheallaidh so? 13 Mar an ceudna chrath mi m’uchd, agus thubhairt mi, Mar so crathadh Dia gach duine nach coimhlion an gealladh so, a mach as a thigh, agus as obair, eadhon mar so crathar a mach agus salmhaichear e. Agus thubhairt an coi’-thional uile, Amen, agus mhol iad an Tighearn. Agus rinn an sluagh a réir a’ gheallaidh so. 14 Os bàrr, o’n là air an d’thugadh ordugh dhomh mi bhi m’uachdaran orra ann an tìr Iudah, o’n fhicheadamh bliadhna, eadhon gus an dara bliadhna deug thar fhichead do Artacsercses an righ, dà bhliadhna dheug, cha d’ith mise no mo bhràithrean aran an uachdarain. 15 Ach bha na ceud uachdarain a bha romham trom air an t-sluagh, agus ghabh iad uatha aran agus fìon, a thuilleadh air dà fhichead secel (3) airgid; rinn eadhon an òglaich aintighearnas air an t sluagh, ach cha d’rinn mise mar sin air eagal Dé. 16 Agus mar an ceudna ann an obair a’ bhallaidh so bhuanaich mi, agus cha do cheannaich sinn fearann, agus chruinnicheadh m’òglaich uile an sin a dh’ionnsuidh na h-oibre. 17 Agus bha aig mo bhord ceud gu leth Iudhach agus riaghlair, a bhàrr orra-san a thàinig d’ar n ionnsuidh o na cinnich a ta mu’n cuairt oirnn. 18 Agus so na dheasaicheadh air son gach latha, aon damh, sè caoraich thaghta; mar an ceudna dheasaicheadh eoin dhomh, agus aon uair anns na deich laithibh pailteas do gach gnè (4) fìona: gidheadh air son so cha d’iarr mi aran an uachdarain, a chionn gu’n robh an daorsa trom air an t-sluagh so. 19 Cuimhnich ormsa, mo Dhia, chum maith, a thaobh gach ni a rinn mi air son an t-sluaigh so. (1) an eallach so chur orra. (2) mar an ceudna an ceudamh cuid do’n airgiod. (3) ghabh iad air son arain agus fìona o gach aon dà fhichead secel. (4) seòrta. [TD 91] NEHEMIAH. CAIB. VI. CAIB. VI. ANIS an uair a chuala Sanbalat, agus Tobiah, agus Gesem an t-Arabach, agus a’chuid eile d’ar naimhdibh gu’n do thog mi am balladh, agus nach d’fhàgadh briseadh ann (ge d’ nach do chuir mi suas san àm sin comhlachan air na geataibh) 2 Chuir Sanbalat agus Gesem teachdairean am’ ionnsuidh, ag ràdh, Thig, agus coinnicheamaid a chéile ann an Chephirim (1) ann an còmhnard Ono: ach smuainich iadsan air olc a dheanamh orm. 3 Agus chuir mi teachdairean d’an ionnsuidh, ag ràdh, Tha mi a’ deanamh oibre mòire, agus cha’n urrainn mi dol sìos: c’arson a sguireadh an obair, an uair a dh’fhàgainnse i, agus a rachainn sìos do’r n-ionnsuidh? 4 Gidheadh chuir iad teachdairean am’ ionnsuidh air an dòigh so ceithir uairean; agus fhreagair mi iad air an dòigh cheudna. 5 An sin chuir Sanbalat am’ ionnsuidh air an dòigh so an cùigeadh uair òglach féin, agus litir fhosgailte ’na làimh, 6 Anns an robh scrìobhta: Am measg nan cinneach tha e air aithris, agus tha Gesem (2) ag ràdh, gu bheil thusa agus na h-Iudhaich a’ smuaineachadh air ceannairc a dheanamh: uime sin tha thu a’ togail a’ bhallaidh, a chum gu’m bi thu a’d’ righ orra a réir nam briathar so. 7 Agus mar an ceudna dh’orduich thu fàidhean a ghairm mu d’ thimchioll ann an Ierusalem, ag ràdh, Is righ e ann an Iudah: agus a nis aithrisear do’n righ a réir nam briathar so. Anis ma ta thig, agus cuireamaid ar comhairle re chéile. 8 An sin chuir mi fios d’a ionnsuidh, ag ràdh, Cha d’rinneadh nithe sam bith mar a ta thu ’g ràdh, ach is ann as do chridhe féin a tha thu ’gan dealbh. 9 Oir bha iad uile a’ cur eagail oirnn, ag ràdh, Anmhunnaichear an làmhan o’n obair, agus cha deanar i: ach a nis neartaich mise (3) mo làmhan. 10 An sin chaidh mi steach do thigh Shemaiah, mhic Dhelaiah, mhic Mhehetabeeil, agus e air a dhruideadh suas; agus thubhairt e, Coinnicheamaid a chéile ann an tigh Dhé, ann am meadhon an teampuill, agus dùineamaid dorsan an teampuill; oir thig iad g’ad mharbhadh, eadhon anns an oidhche thig iad g’ad mharbhadh. 11 Agus thubhairt mi, An teich duine mar a ta mise? agus cò mar a ta mise a rachadh a steach do’n teampull, a chum gu maireadh e beò? Cha d’théid mi steach. 12 Agus feuch, dh’aithnich mi nach do chuir Dia uaith e, ach gu’n do labhair e an fhàidheadaireachd so a’m’ aghaidh: oir thug Tobiah agus Sanbalat duais dha. 13 Air an aobhar so thugadh (1) ann an aon do na bailtibh beaga. (2) Gasmu Faic. r. 1. (3) a nis uime sin neartaich, a Dhé. [TD 92] NEHEMIAH. CAIB. VII. duais dha, chum gu’m biodh eagal ormsa, agus gu’n deanainn mar so, agus gu’m peacaichinn, agus gu’m biodh fàth droch sgeoil aca, chum gu maslaicheadh iad mi. 14 Cuimhnich thusa, mo Dhia, air Tobiah agus Sanbalat a réir an oibre sin, agus mar an ceudna air a’ bhan-fhàidh Noadiah, agus a’ chuid eile do na fàidhibh leis am b’àill eagal a chur orm. 15 Ach chrìochnaicheadh am balladh air a’ chùigeadh la fichead do’n mhìos Elul, ann an dà latha deug agus dà fhichead. 16 Agus an uair a chual ar naimhdean uile e, agus a chunnaic na cinnich uile a bha mu’n cuairt duinn e, thilgeadh gu mòr sìos iad ’nan sùilibh féin; oir dh’aithnich iad gu’m b’ann le’r Dia-ne a rinneadh an obair so. 17 Os bàrr, anns na laithibh sin chuir ard uaislean Iudah mòran litriche gu Tobiah, agus thàinig litriche Thobiah d’an ionnsuidh-san: 18 Oir bha mòran ann an Iudah air toirt am mionnan da, a chionn gu’m bu chliamhuin e do Shechaniah mac Arah; agus gu’n do ghabh Iohanan a mhac nighean Mhesulaim, mhic Bherechiah, ’na mnaoi. 19 Mar an ceudna dh’aithris iad a dheagh bhuadhanna (1) a’m’ fhianuis, agus dh’innis iad mo bhriathra-sa dha: agus chuir Tobiah litriche uaith gu eagal a chur orm. CAIB. VII. ANIS an uair a thogadh am balladh, agus a chuir mi suas na comhlachan, agus a dh’ orduicheadh na dorsairean, agus an luchd-seinn, agus na Lebhithich, 2 Thug mi àithne do m’ bhràthair Hanani, agus Hananiah uachdaran na lùchairt, a thaobh Ierusaleim (oir bha e ’na dhuine fìrinneach, agus eagal Dé air os cionn mhòrain) 3 Agus thubhairt mi riu, Na fosgailear geatacha Ierusaleim, gus am fàs a’ ghrian teth; agus ag seasamh doibh fathast aig làimh, druideadh iad na comhlachan, agus crannadh iad iad: agus shuidhich mi (2) freiceadain do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, gach aon ’na fhreiceadan, agus gach aon fa chomhair a thighe féin. 4 Anis bha’m baile farsaing agus mòr: ach bha’n sluagh tearc ann, agus cha robh na tighean air an togail. 5 Agus chuir mo Dhia ann am chridhe gu’n cruinnichinn re chéile na h-ard uaislean, agus na riaghlairean, agus an sluagh, gu bhi air an àireamh a réir an ginealach: agus fhuair mi leabhar ginealaich (3) na muinntir a thàinig a nìos an toiseach, agus fhuair mi scrìobhta ann: 6 Is iad so clann na mòr-roinne, a chaidh suas do na braighdibh, dhiubhsan a thugadh air falbh, a thug Nebuchadnesar righ Bhabiloin air falbh leis, agus a phill gu h-Ierusalem agus gu Iudah, gach fear d’a bhaile féin; 7 A thàinig maille re Serubabel, Iesua, Nehemiah, Asariah, Raamiah, Nahamani, Mor- (1) ghnìomhara. (2) suidhich thusa. (3) sloinnteireachd. [TD 93] NEHEMIAH. CAIB. VII. decai, Bilsan, Misperet, Bigbhai, Nehum, Baanah (1). AIREAMH DHAOINE SLUAIGH ISRAEIL. 8 Mic Pharois, dà mhìle ceud tri fichead agus a dhà-dheug. 9 Mic Shephatiah, tri cheud tri fichead agus a dhà-dheug. 10 Mic Arah, sè ceud dà fhichead agus a dhà-dheug. 11 Mic Phahat mhoaib, do chloinn Iesua agus Ioaib, dà mhìle ochd ceud agus ochd-deug. 12 Mic Elaim, mìle dà cheud leth-cheud agus a ceithir. 13 Mic Shatu, ochd ceud dà fhichead agus a cùig. 14 Mic Shacai, seachd ceud agus tri fichead. 15 Mic Bhinui, sè ceud dà fhichead agus a h-ochd. 16 Mic Bhebai, sè ceud fichead agus a h-ochd. 17 Mic Asgaid, dà mhìle tri cheud fichead agus a dhà. 18 Mic Adonicaim, sè ceud tri fichead agus a seachd. 19 Mic Bhigbhai, dà mhìle tri fichead agus a seachd. 20 Mic Adin, sè ceud leth-cheud agus a cùig. 21 Mic Ateir, O Heseciah, ceithir fichead agus ochd-deug. 22 Mic Hasuim, tri cheud fichead agus a h-ochd. 23 Mic Bhesai, tri cheud fichead agus a ceithir. 24 Mic Hariph, ceud agus a dhà-dheug. 25 Mic Ghibeoin, ceithir fichead agus cùig-deug. 26 Fir Bhetleheim agus Netophah, ceud ceithir fichead agus a h-ochd. 27 Fir Anatoit, ceud fichead agus a h-ochd. 28 Fir Bhet-asmabheit, dà fhichead agus a dhà. 29 Fir Chiriat-iearim, Chephirah, agus Bheeroit, seachd ceud dà fhichead agus a tri. 30 Fir Ramah agus Gheba, sè ceud fichead agus a h-aon. 31 Fir Mhichmais, ceud agus fichead agus a dhà. 32 Fir Bheteil agus Ai, ceud fichead agus a tri. 33 Fir Nebo-air (2), leth-cheud agus a dhà. 34 Mic Elam-air (3), mìle dà cheud leth-cheud agus a ceithir. 35 Mic Harim, tri cheud agus fichead. 36 Mic Iericho, tri cheud dà fhichead agus a cùig. 37 Mic Loid, Hadid agus Ono, seachd ceud fichead agus a h-aon. 38 Mic Shenaah, tri mìle naoi ceud agus deich thar fhichead. 39 Na sagairt: Mic Iedaiah, do thigh Iesua, naoi ceud tri fichead agus tri-deug. 40 Mic Imeir, mìle leth-cheud agus a dhà. 41 Mic Phasuir, mìle dà cheud dà fhichead agus a seachd. 42 Mic Harim, mìle agus seachd-deug. 43 Na Lebhithich: Mic Iesua agus (4) Chadmieil, do chloinn Hodebhah, tri fichead agus ceithir-deug. 44 An luchd-seinn: Mic Asaiph, ceud dà fhichead agus a h-ochd. 45 Na dorsairean: Mic Sha- (1) Faic Esra. Caib. II. (2) Nebo eile. (3) Elaim eile. (4) Esra Caib. II. r. 40. [TD 94] NEHEMIAH. CAIB. VII. luim, mic Ateir, mic Thalmoin, mic Acuib, mic Hatita, mic Shobai, ceud agus ochd-deug thar fhichead. 46 Na Netinich: Mic Shiha, mic Hasupha, mic Thabaoit, 47 Mic Cherois, mic Shia, mic Phadoin, 48 Mic Lebana, mic Hagaba, mic Shalmai, 49 Mic Hanain, mic Ghideil, mic Ghahair, 50 Mic Reaiah, mic Resin, mic Necoda, 51 Mic Ghadsaim, mic Udsa, mic Phaseah, 52 Mic Bhesai, mic Mheunim, mic Nephisesim, 53 Mic Bhacbuic, mic Hacupha, mic Harhuir, 54 Mic Bhaslit, mic Mhehida, mic Harsa, 55 Mic Bharcois, mic Shisera, mic Thamah, 56 Mic Nesiah, mic Hatipha. 57 Mic sheirbhiseach Sholaimh: Mic Shotai, mic Shophereit, mic Pherida, 58 Mic Iaala, mic Dharcoin, mic Ghideil, 59 Mic Shephatiah, mic Hatil, mic Phochereit o Shebaim, mic Amoin: 60 Na Netinich uile, agus clann sheirbhiseach Sholaimh, tri cheud ceithir fichead agus a dhà-dheug. 61 Agus so iadsan a chaidh suas o Thelmela, Telbarsa, Cherub, Adon agus Imer; ach cha b’ urrainn iad tigh an athar a nochdadh agus an sliochd, am b’ann do Israel iad: 62 Mic Dhelaiah, mic Thobiah, mic Necoda, sè ceud dà fhichead agus a dhà. 63 Agus do na sagartaibh: Mic Habaiah, mic Chois, mic Bharsillai, a ghabh bean do nigheanaibh Bharsillai a’ Ghileadaich, agus a ghoireadh air an ainm. 64 Dh’iarr iadsan an clàr-scrìobhaidh ’nam measg-san a bha air an àireamh a réir an ginealach, ach cha d’fhuaradh e: uime sin ghearradh as o’n t-sagartachd iad (1). 65 Agus thubhairt an Tirsata riu, nach feudadh iad itheadh do na nithibh ro-naomha, gus an seasadh sagart suas le Urim agus Tumim. 66 An coi’-thional uile cuideachd, dà fhichead agus dà mhìle tri cheud agus tri fichead; 67 A thuilleadh air an òglaich agus am banoglaich, d’an robh ann seachd mìle tri cheud agus seachd-deug thar fhichead, agus dhiubhsan dà cheud agus dà fhichead agus a cùig ’nam fearaibh agus ’nam mnaibh-seinn. 68 An eich, seachd ceud agus sè-deug thar fhichead: am muileidean, dà cheud dà fhichead agus a cùig: 69 [An] càmhail, ceithir cheud agus cùig-deug thar fhichead: [an] asail, sè mìle seachd ceud agus fichead. 70 Agus thug cuid do chinn nan aithriche seachad air son na h-oibre. Thug an Tirsata seachad do’n ionmhas, mìle darcon òir, leth-cheud cuach, cùig ceud agus deich thar fhichead culaidh sagairt. 71 Agus thug cuid do chinn nan aithriche seachad do ion- (1) Faic Esra. Caib. II. r. 62. [TD 95] NEHEMIAH. CAIB. VIII. mhas na h-oibre, fichead mìle darcon òir, agus dà mhìle agus dà cheud pund airgid. 72 Agus so na thug a’ chuid eile do’n t-sluagh: fichead mìle darcon òir, agus dà mhìle pund airgid, agus tri fichead agus seachd culaidh sagairt. 73 Agus ghabh na sagairt agus na Lebhithich, agus na dorsairean, agus an luchd-seinn, agus cuid do’n t-sluagh agus na Netinich, agus Israel uile, còmhnuidh ’nam bailtibh; agus an uair a thainig an seachdamh mìos, bha clann Israeil ’nam bailtibh. CAIB. VIII. AGUS chruinnich an sluagh uile an ceann a chéile mar aon duine do’n t-sràid a tha fa chomhair geataidh an uisge; agus dh’iarr iad air (1) Esra an scrìobhuiche e thoirt a làthair leabhair lagha Mhaois, a dh’àithn an Tighearn do Israel. 2 Agus thug Esra an sagart an lagh an làthair a’ choi’-thionail, araon fhear agus bhan, agus gach uile a thuigeadh ’nuair a chluinneadh iad e, air a’ cheud là do’n t-seachdamh mìos. 3 Agus leugh e ann fa chomhair na sràide a tha fa chomhair geataidh an uisge, o mhaduinn gu meadhon-là, an làthair nam fear agus nam ban, agus na muinntir a thuigeadh: agus bha cluasan an t-sluaigh uile re leabhar an lagha. 4 Agus sheas Esra an scrìobhuiche air crannaig fhiodha, a rinn iad air son a’ ghnothuich, agus làimh ris sheas Matitiah agus Sema, agus Anaiah, agus Uriah, agus Hilciah, agus Maaseiah, air a làimh dheis; agus air a làimh chli Pedaiah, agus Misael, agus Malchiah, agus Hasum, agus Hasbadana, Sechariah [agus] Mesulam. 5 Agus dh’fhosgail Esra an leabhar ann an sealladh an t-sluaigh uile, oir bha e os cionn an t-sluaigh uile: agus an uair a dh’fhosgail se e, sheas an sluagh uile. 6 Agus bheannaich Esra an Tighearn, an Dia mòr: agus fhreagair an sluagh uile, Amen, Amen, a’ togail suas an làmh. Agus chrom iad an cinn, agus rinn iad aoradh do’n Tighearn le’n aghaidhibh ris an talamh. 7 Mar an ceudna thug Iesua, agus Bani, agus Serebiah, Iamin, Acub, Sabetai, Hodiah, Maaseiah, Celita, Asariah, Iosabad, Hanan, Pelaiah, agus na Lebhithich air an t-sluagh an lagh a thuigsinn: agus sheas an sluagh ’nan àit. 8 Agus leugh iad ann an leabhar lagha Dhé gu soilleir, agus thug iad an seadh seachad (2); agus thuig iadsan an uair a leughadh. 9 Agus thubhairt Nehemiah, neach a’s e an Tirsata, agus Esra an sagart an scrìobhuiche, agus na Lebhithich a theagaisg an sluagh, ris an t-sluagh uile, Tha ’n latha so naomha do’n Tighearn bhur Dia, na deanaibh caoidh no gul; oir ghuil an sluagh uile, ’nuair a chual iad briathran an lagha. (1) thubhairt iad re. Eabh. (2) dh’innis iad ciod bu chiall da. [TD 96] NEHEMIAH. CAIB. IX. 10 An sin thubhairt e riu, Imichibh, ithibh nithe reamhra, agus òlaibh nithe milse, agus cuiribh cuibhrionna d’an ionnsuidh-san do nach d’ulluicheadh ni air bith; oir tha’n latha so naomha d’ar Tighearna: agus na bithibh re bròn, oir is e gairdeachas an Tighearna bhur neart. 11 Agus chiuinich (1) na Lebhithich an sluagh uile, ag ràdh, Bithibh ’nar tosd, oir a ta ’n latha naomha, agus na bithibh re bròn. 12 Agus dh’imich an sluagh uile a dh’itheadh agus a dh’òl, agus a chur chuibhrionn uatha, agus a dheanamh aoibhneis mhòir, a chionn gu’n do thuig iad na briathran a chuir iad an céill doibh. 13 Agus air an dara là chruinnicheadh cuideachd cinn aithriche an t-sluaigh uile, na sagairt agus na Lebhithich gu h-Esra an scrìobhuiche, chum gu’n tuigeadh iad briathran an lagha. 14 Agus fhuair iad scrìobhta anns an lagh a dh’àithn an Tighearn le làimh Mhaois, gu’n gabhadh clann Israeil còmhnuidh ann am pàilliunaibh (2) air an fhéill air an t-seachdamh mìos. 15 Agus an uair a chual iad so, thug iad gairm (3) ’nam bailtibh uile, agus ann an Ierusalem, ag ràdh, Rachaibh a mach do’n t-sliabh, agus thugaibh leibh geuga (4) chrann-olaidh, agus geuga giuthais, agus geuga miortail, agus geuga pailme, agus geuga chraobh tiugh, a dheanamh phàilliun, mar a ta e scrìobhta. 16 Agus chaidh an sluagh amach agus thug iad leo iad, agus rinn iad dhoibh féin pàilliuna, gach fear air mullach a thighe, agus ’nan cùirtibh, agus ann an cùirtibh tighe Dhé, agus ann an sràid geataidh an uisge, agus ann an sràid geataidh Ephraim. 17 Agus rinn uile choi’-thional na muinntir a thàinig air an ais o’n bhraighdeanas pàilliuna, agus shuidh iad fuidh na pàilliunaibh: oir o laithibh Iosua (5) mhic Nuin, gu ruig an là sin, cha d’rinn clann Israeil mar sin; agus bha gairdeachas ro-mhòr ann. 18 Agus leugh e ann an leabhar lagha Dhé là’n déigh là, o’n cheud là gu ruig an là mu dheireadh: agus chum iad an fhéill seachd laithean, agus air an ochdamh là ard choi’-thional a réir a’ ghnàtha. CAIB. IX. AGUS air a’ cheathramh la fichead do’n mhìos so chruinnicheadh clann Israeil ann an trosgadh, agus ann an saic-eudach, agus ùir orra. 2 Agus dhealaich sìol Israeil iad féin o uile chloinn choigreach, agus sheas iad, agus dh’aidich iad am peacanna, agus eucearta an aithriche. 3 Agus dh’éirich iad ’nan àit, agus leugh iad ann an leabhar lagha an Tighearna an Dé an ceathramh cuid do’n là, agus ceathramh eile dh’aidich iad, a- (1) shìochaintich. (2) bùthaibh. (3) agus gu’n cuireadh iad an céill, agus gu’n d’thugadh iad gairm. (4) geugan le’n duilleach; duilleach. Eabh. (5) Iesua. [TD 97] NEHEMIAH. CAIB. IX. gus rinn iad aoradh do’n Tighearn an Dia. 4 An sin dh’éirich air cheumaibh nan Lebhitheach Iesua agus Bani, Cadmiel, Sebaniah, Buni, Serebiah, Bani, agus Chenani, agus ghlaodh iad le guth ard ris an Tighearn an Dia. 5 Agus thubhairt na Lebhithich, Iesua agus Cadmiel, Bani, Hasabniah, Serebiah, Hodiah, Sebaniah, agus Petahiah, Eiribh, beannaichibh an Tighearna bhur Dia gu saoghal nan saoghal: agus beannaichte gu robh t’ainm glòrmhor-sa, a ta air ardachadh os cionn gach beannachaidh agus cliu. 6 Is tusa, is tusa a’d’ aonar an Tighearn: rinn thu na nèamha, nèamha nan nèamh agus an slòigh uile, an talamh agus gach ni a ta air, na cuanta agus gach ni a ta annta, agus tha thu ’gan cumail suas (1) uile; agus a ta slòigh nan nèamh a’ deanamh aoraidh dhuit. 7 Is tu féin an Tighearn an Dia, a thagh Abram, agus a thug a mach e a h-Ur nan Caldeanach, agus a thug Abraham mar ainm air. 8 Agus fhuair thu a chridhe firinneach a’t’ fhianais, agus rinn thu coi’-cheangal ris, gu’n d’thugadh tu tìr nan Canaanach, nan Hiteach, nan Amorach, agus nam Periseach, agus nan Iebusach, agus nan Girgasach, gu’n d’thugadh tu so d’a shliochd; agus choi’-lion thu do bhriathra, oir tha thu ceart. 9 Agus chunnaic thu àmhghar ar n-aithriche anns an Eiphit, agus chuala tu an glaodh aig a’ mhuir ruaidh. 10 Agus nochd thu comharan agus iongantais air Pharaoh, agus air a sheirbhisich uile, agus air uile shluagh a thìre; oir bha fios agad gu’n d’rinn iad gu h-uaibhreach ’nan aghaidh: agus fhuair thu dhuit féin ainm, mar air an la ’n diugh. 11 Agus roinn thu a’ mhuir rompa, agus chaidh iad troimh mheadhon na mara air talamh tioram; agus an luchd-tòrachd thilg thu anns an doimhne, mar chloich anns na h-uisgeachaibh làidir. 12 Agus le meall (2) neoil threòraich thu iad san là; agus le meall teine san oidhche, a shoillseachadh dhoibh na slighe air an imicheadh iad. 13 Agus thàinig thu nuas air sliabh Shinai, agus labhair thu riu o nèamh, agus thug thu dhoibh breitheanais chearta, agus laghanna fìrinn, reachdan agus àitheanta maithe. 14 Agus do shàbaid naomha dh’fhoillsich thu dhoibh; agus àitheantan agus reachdan, agus lagh dh’àithn thu dhoibh le làimh Mhaois t’òglaich. 15 Agus aran o nèamh thug thu dhoibh ’nan ocras (3), agus uisge as a’ charraig thug thu mach dhoibh ’nan tart: agus thubhairt thu riu (4) dol a steach a shealbhachadh an fhearainn, a mhionnaich thu (5) gu’n d’thugadh tu dhoibh. 16 Ach rinn iad féin agus ar (1) a’ toirt beatha dhoibh. (2) tuiridh, stuaidh, stac; pillar. Sasg. (3) air son an ocrais. (4) dh’àithn thu dhoibh. (5) a thog thu suas do làmh. Eabh. [TD 98] NEHEMIAH. CAIB. IX. n-aithriche gu h-uaibhreach, agus chruaidhich iad am muineal, agus cha d’éisd iad re t’àitheantaibh. 17 Agus dhiùlt iad éisdeachd, agus cha do chuimhnich iad t’iongantasan a rinn thu ’nam measg; ach chruaidhich iad am muineal, agus dh’orduich iad ceannard, chum pilltinn d’an daorsa san Eiphit (1): ach is Dia thusa a tha ealamh gu maitheanas a thoirt seachad, gràsmhor agus tròcaireach, mall a chum feirge, agus pailt ann an truacantas (2), agus cha do thréig thu iad. 18 Eadhon an uair a rinn iad dhoibh féin laogh leaghta, agus a thubhairt iad, So do dhia a thug a nìos thu as an Eiphit, agus a dh’oibrich iad mòran brosnachaidh; 19 Gidheadh a d’ thruacantas mòr cha do thréig thu iad san fhàsach: cha do dhealaich am meall neoil riu san là, gu’n treòrachadh air an t-slighe; no am meall teine san oidhche, a shoillseachadh na slighe dhoibh air an imicheadh iad. 20 Agus do spiorad maith thug thu seachad gu’n teagasg, agus do mhana cha do chum thu o’m beul, agus uisge thug thu dhoibh ’nan tart. 21 Eadhon dà fhichead bliadhna bheathaich thu iad san fhàsach: cha robh dìth orra: cha d’fhàs an eudach sean, agus cha d’at an casa. 22 Agus thug thu dhoibh rìoghachdan agus slòigh, agus roinn thu iad ann an cearnaibh; agus shealbhaich iad tìr Shihoin, agus tìr righ Hesboin, agus tìr Og righ Bhasain. 23 Agus rinn thu an clann lìonmhor mar reulta nan nèamh, agus thug thu iad do’n tìr mu’n dubhairt thu r’an aithrichibh, gu’n rachadh iad a steach g’a sealbhachadh. 24 Agus chaidh an clann a steach, agus shealbhaich iad an tìr, agus chìosnaich thu rompa luchd-àiteachaidh na tìre, na Canaanaich, agus thug thu thairis ’nan làimh iad féin agus an righrean, agus sluagh na tìre, a dheanamh riu mar bu mhiann leo. 25 Agus ghlac iad bailte daingnichte (3), agus talamh reamhar, agus shealbhaich iad tighean làn do gach ni maith, tobraiche cladhaichte, fìon-liosan agus liosan-olaidh, agus craobhan meas ann am pailteas: agus dh’ith iad, agus fhàsaicheadh iad, agus dh’fhàs iad reamhar, agus bha toil-inntinn aca ann ad mhòr mhaitheas-sa. 26 Gidheadh, bha iad eas-umhal, agus rinn iad ceannairc a’d’ aghaidh, agus thilg iad do lagh air an cùlaobh, agus mharbh iad t’fhàidhean a thug fianais ’nan aghaidh, chum am pilltinn a t’ionnsuidh; agus dh’oibrich iad mòran brosnachaidh. 27 Air an aobhar sin thug thu thairis iad do làimh an naimhdean, a shàraich iad: agus ann an àm an airce ghlaodh iad riut, agus o na nèamhaibh chuala tu, agus a d’ mhòr thrò- (1) ’nan ceannairc. (2) caoimhneas. (3) làidir. [TD 99] NEHEMIAH. CAIB. IX. cair thug thu dhoibh luchd-saoraidh, a shaor iad as làimh an naimhde. 28 Ach an uair a bha fois aca, rinn iad olc a rìs a’t’ fhianuis: uime sin dh’fhàg thu iad ann an làimh an naimhde, agus bha uachdaranachd aca orra. Gidheadh, an uair a phill iad agus a ghlaodh iad riut, chuala tu o na nèamhaibh, agus shaor thu iad a d’ mhòr thròcair iomadh uair. 29 Agus thug thu fianuis ’nan aghaidh, chum an toirt air an ais a dh’ionnsuidh do lagha: gidheadh, rinn iadsan gu h-uaibhreach, agus cha d’éisd iad re t’àitheantaibh ach pheacaich iad an aghaidh do bhreitheanasa, nithe ma ni duine, bithidh e beo annta; agus tharruing iad air falbh an gualainn, agus chruaidhich iad am muineal, agus cha ’n éisdeadh iad. 30 Agus ghiùlain thu leo rè iomadh bliadhna, agus rinn thu fianuis ’nan aghaidh le d’ spiorad le làimh t’fhàidhean: ach cha ’n éisdeadh iad, agus thug thu thairis iad do làimh shluagh nan tìr. 31 Gidheadh ann ad mhòr thròcair cha do chuir thu as doibh gu tur, agus cha do thréig thu iad; oir is Dia gràsmhor agus tròcaireach thusa. 32 Anis ma ta, O ar Dia-ne, a Dhé mhòir, chumhachdaich agus uamhasaich (1), a chumas coi’-cheangal agus tròcair, na measar beag a t’fhianuis an sàrachadh so uile a thàinig oirnne, air ar righribh, air ar n-uachdaranaibh, agus air ar sagartaibh, agus air ar fàidhibh, agus air ar n-aithrichibh, agus air do shluagh uile, o laithibh righrean Asiria gu ruig an là’n diugh. 33 Ach a ta thusa cothromach anns gach ni a thàinig oirnn; oir rinn thusa gu fìrinneach, ach rinn sinne gu h-aingidh. 34 Cha do ghléidh ar righrean, ar n-uachdarain, ar sagairt, no ar n-aithriche do lagh-sa, agus cha d’éisd iad re t’àitheantaibh, agus re d’ theisteas leis an d’thug thu teisteas ’nan aghaidh: 35 Oir cha do rinn iad seirbhis dhuit ’nan rìoghachd (2), agus anns a mhòr mhaith a thug thu dhoibh, agus anns an fhearann fharsaing agus reamhar a chuir thu fa’n comhair, agus cha do phill iad o’n droch oibribh. 36 Feuch, is seirbhisich sinn an diugh, agus am fearann a thug thu d’ar n-aithrichibh a dh’itheadh a thoraidh agus a mhaith, feuch, is seirbhisich sinn ann. 37 Agus is mòr a thoradh do na righribh a chuir thu os ar cionn air son ar peacanna; agus a ta uachdaranachd aca os cionn ar corpa, agus os cionn ar spréidhe, a réir an toile, agus tha sinn ann an àmhghar mòr. 38 Agus airson so uile ni sinn coi’-cheangal cinnteach, agus scrìobhaidh sinn e; agus cuiridh ar n-uachdarain, ar Lebhithich, agus ar sagairt an seula air. (1) eagalaich. (2) a’d’ rìoghachd. [TD 100] NEHEMIAH. CAIB. X. CAIB. X. AGUS so iadsan a chuir an seula air: Nehemiah an Tirsata, mac Hachaliah, agus Sedeciah, 2 Seraiah, Asariah, Ieremiah, 3 Pasur, Amariah, Malchiah, 4 Hatus, Sebaniah, Maluch, 5 Harim, Meremot, Obadiah, 6 Daniel, Gineton, Baruch, 7 Mesulam, Abiah, Miamin, 8 Maasiah, Bilgai, Semaiah: b’iad sin na sagairt. 9 Agus na Lebhithich: Iesua mac Asaniah, Binui do mhacaibh Henadaid, Cadmiel; 10 Agus am bràithrean, Sebaniah, Hodiah, Celita, Pelaiah, Hanan, 11 Micha, Rehob, Hasabiah, 12 Sacur, Serebiah, Sebaniah, 13 Hodiah, Bani, Beninu. 14 Cinn an t-sluaigh: Paros, Pahat-moab, Elam, Satu, Bani, 15 Buni, Asgad, Bebai, 16 Adoniah, Bigbhai, Adin, 17 Ater, Hisciah, Adsur, 18 Hodiah, Hasum, Besai, 19 Hariph, Anatot, Nebai, 20 Magpias, Mesulam, Hesir, 21 Mesesabeel, Sadoc, Iadua, 22 Pelatiah, Hanan, Anaiah, 23 Hosea, Hananiah, Hasub, 24 Halohes, Pileha, Sobec, 25 Rehum, Hasabnah, Maaseiah, 26 Agus Ahiah, Hanan, Anan, 27 Maluch, Harim, Baanah. 28 Agus a’ chuid eile do’n t-sluagh, na sagairt, na Lebhithich, na dorsairean, an luchd-seinn, na Netinich, agus iadsan uile a dhealaich iad féin o shluagh nan tìr a chum lagha Dhé, am mnài, am mic, agus an nigheana, gach aon aig an robh eòlas agus tuigse; 29 Dhlùth-lean iad r’am bràithribh, an ard uaislean, agus chaidh iad fa mhallachadh, agus fa mhionnaibh, gluasad ann an lagh Dhé, a thugadh seachad le làimh Mhaois òglaich Dhé, agus a choimhead agus a dheanamh uile àitheantan Iehobhah ar Tighearna, agus a bhreitheanasan agus a reachda: 30 Agus nach d’thoir sinn ar nigheana do shluagh na tìre, agus nach gabh sinn an nigheana-san d’ar macaibh: 31 Agus ma bheir sluagh na tìre leo bathar, no biadh air bith air latha na sàbaid, g’a reiceadh, nach ceannaich sinn e uatha air an t-sàbaid, no air latha naomha: agus gu’n leig sinn leis an t-seachdamh bliadhna, agus le togail nam fiach uile. 32 Mar an ceudna rinn sinn reachda dhuinn féin, an treas cuid do shecel a chur a dh’fhiachaibh oirnn féin gach bliadhna, air son seirbhis tighe ar Dé, 33 Air son an arain thaisbeanta, agus air son an tabhartais-bhìdh ghnàthaichte, agus air son ìobairt-loisgte ghnàthaichte nan sàbaid agus nan gealach nomha, air son nam féill suidhichte, agus air son nan nithe naomha, agus air son nan ìobairt-pheacaidh a dheanamh réite air son Israeil, agus airson uile oibre tighe ar Dé. 34 Agus thilg sinn croinn, na sagairt, na Lebhithich, agus an sluagh mu’n tabhartas-fhiodha, chum a thabhairt gu tigh ar Dé, a réir tighe ar n-aithriche, air amannaibh suidh- [TD 101] NEHEMIAH. CAIB. XI. ichte, o bhliadhna gu bliadhna, a losgadh air altair an Tighearna ar Dé, mar a ta e scrìobhta anns an lagh. 35 Agus a thabhairt ceud-thoraidh ar fearainn, agus ceud-thoraidh uile mheas gach uile chraoibh, o bhliadhna gu bliadhna, gu tigh an Tighearna. 36 Agus a thabhairt ceud-ghin ar mac, agus ar n-ainmhidhean, mar a ta e scrìobhta anns an lagh, agus ceud-ghin ar cruidh agus ar caorach, gu tigh ar Dé, dh’ionnsuidh nan sagart a fhritheileas ann an tigh ar Dé: 37 Agus gu’n d’thugamaid ceud-thoradh ar taoise, agus ar tabhartasa, agus meas gach gnè craoibhe, fìona agus ola, dh’ionnsuidh nan sagart, gu seomraichibh tighe ar Dé, agus deachamh ar fearainn do na Lebhithich, air chor as gu faigheadh na Lebhithich sin an deachamh ann an uile bhailtibh ar treabhachais. 38 Agus bithidh an sagart mac Aaroin maille ris na Lebhithich, an uair a thogas na Lebhithich an deachamh: agus bheir na Lebhithich suas leo deachamh an deachaimh gu tigh ar Dé, a steach do na seomraichibh, do thigh an ionmhais: 39 Oir bheir clann Israeil, agus clann Lebhi leo tabhartas an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h-ola (1), steach do na seomraichibh, far am bheil soithichean an ionaid naomha, agus na sagairt, [agus] an luchd-frithealaidh, agus na dorsairean, agus an luchd-seinn. Agus cha tréig sinne tigh ar Dé. CAIB. XI. AGUS chòmhnuich uachdarain an t-sluaigh ann an Ierusalem; agus thilg a’chuid eile do’n t-sluagh croinn, a thoirt aoin as an deichnear a ghabhail còmhnuidh ann an Ierusalem am baile naomha, agus gu’m biodh naoi earranna anns na bailtibh eile. 2 Agus bheannaich an sluagh na daoine uile, a thairg iad féin gu toileach gu còmhnuidh ghabhail ann an Ierusalem. 3 Agus is iad so cinn na mòr-roinne, a chòmhnuich ann an Ierusalem, agus ann am bailtibh Iudah: ghabh gach aon còmhnuidh ’na sheilbh féin, ’nam bailtibh, na h-Israelich, na sagairt, agus na Lebhithich, agus na Netinich, agus mic sheirbhiseach Sholaimh. 4 Agus chòmhnuich ann an Ierusalem do chloinn Iudah, agus do chloinn Bheniamin: do chloinn Iudah; Ataiah mac Udsiah, mhic Shechariah, mhic Amariah, mhic Shephatiah, mhic Mhahalaleil, do chloinn Phereis. 5 Agus Maaseiah mac Bharuich, mhic Cholhoseh, mhic Hasaiah, mhic Adaiah, mhic Ioiarib, mhic Shechariah, mhic Shiloni. 6 Mic Phereis uile a chòmhnuich ann an Ierusalem, ceithir cheud tri fichead agus ochd fir threuna. 7 Agus is iad so mic Bheniamin; Salu mac Mhesulaim, (1) an olaidh. [TD 102] NEHEMIAH. CAIB. XI. mhic Ioeid, mhic Phedaiah, mhic Cholaiah, mhic Mhaaseiah, mhic Itieil, mhic Iesaiah. 8 Agus ’na dhéigh-san Gabai, Salai, naoi ceud fichead agus a h-ochd. 9 Agus Ioel mac Shichri ’na fhear-amhairc thairis orra; agus Iudah mac Shenuah an dara fear os cionn a’ bhaile. 10 Do na sagartaibh: Iedaiah, Ioiarib (1), Iachin, 11 Seraiah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraioit mhic Ahituib, riaghladair tighe Dhé. 12 Agus am bràithrean a rinn obair an tighe, ochd ceud fichead agus a dhà: agus Adaiah, mac Ierohaim, mhic Phelaliah, mhic Amsi, mhic Shechariah, mhic Phasuir, mhic Mhalchiah; 13 Agus a bhràithre cinn nan aithriche, dà cheud dà fhichead agus a dhà: agus Amasai mac Asareeil, mhic Ahasai, mhic Mhesilemoit, mhic Imeir. 14 Agus am bràithrean fir chomasach ghaisgeil, ceud fichead agus a h-ochd: agus ’na fhear-amhairc thairis orra Sabdiel, mac aoin do na daoinibh mora (2). 15 Agus do na Lebhithich: Semaiah mac Hasuib, mhic Asricaim, mhic Hasabiah, mhic Bhuni, 16 Agus Sabetai, agus Iosabad, do cheannaibh nan Lebhitheach, os cionn oibre tighe Dhé o’n leth muigh. 17 Agus Mataniah mac Mhicha, mhic Shabdi, mhic Asaiph an ceud fhear a thòisicheadh air buidheachas a thoirt (3) ann an urnuigh; agus Bacbuciah, an dara fear am measg a bhràithre, agus Abda mac Shamua, mhic Ghalail, mhic Iedutuin. 18 Na Lebhithich uile anns a’ bhaile naomha, dà cheud ceithir fichead agus a ceithir. 19 Agus na dorsairean, Acub, Talmon, agus am bràithrean a bha re faire aig na geataibh, ceud tri fichead agus a dhà-dheug. 20 Agus bha chuid eile do Israel, na sagairt, agus na Lebhithich, ann an uile bhailtibh Iudah, gach fear ’na sheilbh féin. 21 Ach ghabh na Netinich còmhnuidh ann an Ophel; agus bha Siha agus Gispa os cionn nan Netineach. 22 Agus b’e fear-amhairc thairis nan Lebhitheach ann an Ierusalem Udsi mac Bhani, mhic Hasabiah, mhic Mhataniah, mhic Mhicha. Do mhacaibh Asaiph, bha’n luchd-seinn fa chomhair (4) oibre tighe Dhé: 23 Oir b’i àithne an righ mu’n timchioll, gu’m biodh cuibhrionn àraidh air son an luchd-seinn, a dhlighe féin air gach là. 24 Agus bha Petaiah mac Mhesesabeeil, do chloinn Sherah mhic Iudah, aig làimh an righ anns gach cùis a thaobh an t-sluaigh. 25 Agus a thaobh nam bailte beaga ’nam fearann (5), chòmh- (1) Iedaiah mac Ioiarib. Faic I. Eachdr. Caib. IX. r. 10. (2) mac Ghedeloim. (3) an ceud fhear gu moladh agus buidheachas a thabhairt. (4) os cionn. (5) le’n achaibh. [TD 103] NEHEMIAH. CAIB. XII. nuich cuid do mhacaibh Iudah ann an Ciriat-arba agus ’na bhailtibh beaga, agus ann an Dibon agus ’na bhailtibh beaga, agus ann an Iecabseel agus ’na bhailtibh beaga, 26 Agus ann an Iesua, agus ann am Moladah, agus ann am Bet-pelet, 27 Agus ann an Hasar-sual, agus an am Beer-seba agus ’na bhailtibh beaga, 28 Agus ann an Siclag, agus ann am Meconah agus ’na bhailtibh beaga, 29 Agus ann an En-rimon, agus ann an Sareah, agus ann an Iarmut, 30 Sanoah, Adulam, agus ’nam bailtibh beaga, ann an Lachis agus ’na fhearann, ann an Asecah agus ’na bhailtibh beaga. Agus chòmhnuich iad o Bheer-seba gu ruig gleann Hinoim; 31 Agus mic Bheniamin o Gheba, ann am Michmas, agus Aia, agus Betel agus ’na bhailtibh beaga, 32 Ann an Anatot, Nob, Ananiah, 33 Hasor, Ramah, Gitaim, 34 Hadid, Seboim, Nebalat, 35 Lod, agus Ono, gleann an luchd-ceirde. 36 Agus do na Lebhithich bha roinnean ann an Iudah, agus ann am Beniamin. CAIB. XII. AGUS is iad so na sagairt agus na Lebhithich a chaidh suas maille re Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua: Seraiah, Ieremiah, Esra, 2 Amariah, Maluch, Hatus, 3 Sechaniah, Rehum, Meremot, 4 Ido, Gineto, Abiah, 5 Miamin, Maadiah, Bilgah, 6 Semaiah, agus Ioiarib, Iedaiah, 7 Salu, Amoc, Hilciah, Iedaiah: b’iad sin cinn nan sagart agus am bràithrean ann an laithibh Iesua. 8 Agus na Lebhithich: Iesua, Binui, Cadmiel, Serebiah, Iudah, agus Mataniah, a bha os cionn nan laoidh-mholaidh (1), e féin agus a bhràithre: 9 Agus Bacbuciah, agus Uni, agus am bràithrean, a bha thall fa’n comhair-san anns na fairibh. 10 Agus ghin Iesua Ioiacim, agus ghin Ioiacim Eliasib, agus ghin Eliasib Ioiada, 11 Agus ghin Ioiada Ionatan, agus ghin Ionatan Iadua. 12 Agus ann an laithibh Ioiacim bha sagairt, cinn nan aithriche: o Sheraiah, Maraiah: o Ieremiah, Hananiah: 13 O Esra, Mesulam: o Amariah, Iehohanan: 14 O Mhelicu (2), Ionatan: o Shechaniah (3), Ioseph: 15 O Harim, Adna: o Mheraiot, Helcai: 16 O Ido, Sechariah: o Ghineton, Mesulam: 17 O Abiah, Sichri: a Mhiamin (4), ***: o Mhoadiah, Piltai: 18 O Bhilgah, Samua: o Shemaiah, Iehonatan: 19 O Ioiarib, Matenai: o Iedaiah, Udsi: (1) os cionn an tabhairt buidheachais. (2) Maluch. r. 2. (3) Shebaniah. (4) Mhiniamin. [TD 104] NEHEMIAH. CAIB. XII. 20 O Shalai, Calai: o Amoc, Eber: 21 O Hilciah, Hasabiah: o Iedaiah, Netaneel. 22 Scrìobhadh sìos na Lebhithich ann an laithibh Eliasib, Ioiada, agus Iohanain, agus Iadua, cinn nan aithriche; agus na sagairt gu ruig rìoghachadh Dhariuis a’ Phersaich. 23 Scrìobhadh sìos mic Lebhi, cinn nan aithriche, ann an leabhar nan eachdraidh, gu ruig laithean Iohanain mhic Eliasib. 24 Agus cinn nan Lebhitheach: Hasabiah, Serebiah, agus Iesua mac Chadmieil, agus am bràithre thall fa’n comhair, a mholadh agus a thabhairt buidheachais a réir àithne Dhaibhidh òglaich Dhé, faire fa chomhair faire. 25 Mataniah, agus Bacbuciah, Obadiah, Mesulam, Talmon, Acub, ’nan dorsairibh a’ coimhead na faire aig stairsneachaibh (1) nan geata. 26 Iad sin ann an laithibh Ioiacim mhic Iesua, mhic Iosadaic, agus ann an laithibh Nehemiah an uachdarain, agus Esra an t-sagairt, an scrìobhuiche. 27 Agus aig coisreagadh ballaidh Ierusaleim dh’iarr iad na Lebhithich as an àitibh uile, chum an tabhairt gu h-Ierusalem, a chumail a’ choisreagaidh le h-aoibhneas, agus le breth-buidheachais, agus le seinn, le ciombalaibh, saltairibh, agus le clàrsaichibh. 28 Agus chruinnich mic an luchd-seinn an cionn a chéile, araon as an tìr réidh mu thimchioll Ierusaleim, agus a bailtibh beaga Netophati, 29 Agus a tigh Ghilgail, agus a machairibh Gheba agus Asmabheit; oir thog an luchd-seinn bailte beaga dhoibh féin mu thimchioll Ierusaleim. 30 Agus ghlan na sagairt agus na Lebhithich iad féin, agus ghlan iad an sluagh, agus na geatan, agus am balladh. 31 An sin thug mi suas uachdarain Iudah air a’ bhalladh, agus dh’orduich mi dà chuideachd mhòr chum molaidh, agus gu’n imicheadh aon a dh’ionnsuidh na làimhe deise air a’ bhalladh gu geatadh an aolaich: 32 Agus ’nan déigh-san chaidh Hosaiah, agus leth uachdarana Iudah, 33 Agus Asariah, Esra, agus Mesulam, 34 Iudah, agus Beniamin, agus Semaiah, agus Ieremiah: 35 Agus cuid do mhacaibh nan sagart le trompaidibh, Sechariah, mac Ionatain, mhic Shemaiah, mhic Mhataniah, mhic Mhichaiah, mhic Shacuir, mhic Asaiph; 36 Agus a bhràithre Semaiah, agus Asareel, Milalai, Gilalai, Maai, Netaneel, agus Iudah, agus Hanani, le innealaibh-ciuil Dhaibhidh òglaich Dhé, agus Esra an scrìobhuiche rompa. 37 Agus aig geatadh an tobair a bha fa’n comhair, chaidh iad suas air ceumaibh (2) baile Dhaibhidh, aig dol suas a’ bhallaidh, os cionn tighe Dhai- (1) sgàth-thighibh, tighibh-tionail; asupim. Eabh. Faic. I. Eachdr. Caib. XXVI. r. 15. 17. (2) staidhrichibh. [TD 105] NEHEMIAH. CAIB. XIII. bhidh, gu ruig geatadh an uisge a làimh na h-airde ’n ear. 38 Agus dh’imich a’ chuideachd eile a bha chum molaidh thall fa’n comhair, agus mise ’nan déigh, agus leth an t-sluaigh air a’ bhalladh, o thaobh shuas tùir nan àmhuinn gu ruig am balladh leathann; 39 Agus o thaobh shuas geataidh Ephraim, agus os cionn an t-sean gheataidh, agus os cionn geataidh an éisg, agus tùir Hananeeil, agus tùir Mheah, gu ruig geatadh nan caorach: agus sheas iad ann an geatadh a’ phrìosuin (1). 40 An sin sheas an dà chuideachd a bha chum molaidh ann an tigh Dhé, agus mise agus leth nan riaghlair maille rium: 41 Agus na sagairt, Eliacim, Maaseiah, Miniamin, Michaiah, Elioenai, Sechariah, Hananiah le trompaidibh, 42 Agus Maaseiah, agus Semaiah, agus Eleasar, agus Udsi, agus Iehohanan, agus Malchiah, agus Elam, agus Eser: agus sheinn an luchd-seinn gu h-ard, agus Iesraia ’na fhear-amhairc thairis orra. 43 Agus dh’ìobair iad air an là sin ìobairtean mòra, agus rinn iad gairdeachas; oir thug Dia orra gairdeachas a dheanamh le h-aoibhneas mòr: rinn na mnài mar an ceudna agus a’ chlann gairdeachas, agus chualas gairdeachas Ierusaleim an céin. 44 Agus shuidhicheadh air an latha cheudna daoine os cionn nan seòmar air son nan ionmhas, air son nan tabhartas, air son nan ceud thoradh, agus air son nan deachamh, chum gu’n cruinnicheadh iad annta a achannaibh nam baile cuibhrionnan an lagha do na sagairt agus do na Lebhithich: oir bha aoibhneas air Iudah air son nan sagart agus air son nan Lebhitheach a bha a’ feitheamh (2). 45 Agus choimhid iad faire an Dé, agus faire a’ ghlanaidh, araon an luchd-seinn agus na dorsairean, a réir àithne Dhaibhidh agus Sholaimh a mhic: 46 Oir ann an laithibh Dhaibhidh agus Asaiph o shean bha cinn ann air an luchd-seinn, agus air na laoidhibh molaidh agus buidheachais do Dhia. 47 Agus thug Israel uile seachad ann an laithibh Sherubabeil, agus ann an laithibh Nehemiah, cuibhrionnan an luchd-seinn agus nan dorsair, dlighe gach là air a là féin; agus naomhaich iad nithe do na Lebhithich, agus naomhaich na Lebhithich do chloinn Aaroin. CAIB. XIII. AIR an là sin leughadh ann an leabhar Mhaois ann an éisdeachd (3) an t-sluaigh, agus fhuaradh scrìobhta ann, nach d’thigeadh an t-Amonach agus am Moabach a steach do choi’-thional Dhé gu bràth; 2 A chionn nach do choinnich iad clann Israeil le h-aran agus le h-uisge, agus gu’n do thuarasdalaich iad Balaam ’nan aghaidh chum am mallachadh: ach (1) aig geatadh na gaintire. (2) a’ frithealadh, ’nan seasamh an sin. (3) ann an cluasaibh. Eabh. [TD 106] NEHEMIAH. CAIB. XIII. thionndaidh ar Dia am mallachadh gu beannachadh. 3 Anis an uair a chual iad an lagh, dhealaich iad an sluagh measgta (1) uile o Israel. 4 Agus roimhe so bha aig Eliasib an sagart, a chuireadh oscionn seòmair tighe ar Dé, cleamhnas re Tobiah. 5 Agus rinn e dha seòmar mòr, far an robh iad roimhe a’ cur an tabhartais-bhìdh, na tùise, agus nan soitheach, agus deachaimh an arbhair, an fhìona nuaidh agus na h-ola (a dh’orduicheadh do na Lebhithich, agus do’n luchd-seinn agus do na dorsairibh) agus tabhartais nan sagart. 6 Ach an uair a thachair so uile (2) cha robh mise ann an Ierusalem; oir anns an dara bliadhna deug thar fhichead do Artacsercses righ Bhabiloin, thàinig mi dh’ionnsuidh an righ, agus an déigh laithean àraidh fhuair mi mo chead o’n righ: 7 Agus thàinig mi gu h-Ierusalem, agus thuig mi an t-olc a rinn Eliasib air son Thobiah, seòmar a dheanamh dha ann an cùirtibh tighe Dhé. 8 Agus ghabh mi gu ro-olc e; agus thilg mi uile airneis-tighe Thobiah mach as an t-seòmar. 9 Agus dh’àithn mi, agus ghlan iad na seomraiche; agus thug mi air an ais ansin soithichean tighe Dhé, an tabhartas-bìdh agus an tùis. 10 Agus dh’aithnich mi nach d’thugadh seachad cuibhrionna nan Lebhitheach; oir theich na Lebhithich agus an luchd-seinn a rinn an obair, gach duine a dh’ionnsuidh fhearainn féin. 11 Agus thug mi achmhasan do na riaghlairibh (3), agus thubhairt mi, C’arson a thréigeadh (4) tigh Dhé? Agus chruinnich mi iad re chéile, agus shuidhich mi iad ’nan àit. 12 Agus thug Iudah uile deachamh an arbhair, agus an fhìona nuaidh, agus na h-ola steach do na h-ionmhasaibh. 13 Agus chuir mi luchd-coimhid os cionn nan ionmhas, Selemiah an sagart, agus Sadoc an scrìobhuiche; agus do na Lebhithich, Pedaiah; agus làimh riu-san Hanan mac Shacuir, mhic Mhataniah: oir mheasadh fìrinneach iad, agus bha orra-san roinn air am bràithribh. 14 Cuimhnich orm, O mo Dhia, airson so, agus na cuir as do shealladh (5) mo dheagh ghnìomharan a rinn mi a thaobh tighe mo Dhé agus a thaobh fhairean (6). 15 Anns na laithibh sin chunnaic mi ann an Iudah daoine a’ saltairt fhìon-amar air an t-sàbaid, agus a’ toirt a stigh sguab, agus a’ cur luchd air asalaibh; agus mar an ceudna fìon, fìon-dhearcan, agus fìgean, agus gach gnè eallaich, a thug iad a stigh do h-Ierusalem air latha na sàbaid: agus thug mi fianuis ’nan aghaidh air an là air an do reic iad biadh. 16 Ghabh mar an ceudna Tìoraich còmhnuidh ann, a (1) na coigrich, iadsan do shliochd eile. (2) ann an so uile. Eabh. (3) thagair mi a’chùis ris na riaghlairibh. (4) a thréig sinn. (5) na dubh a mach, na di-chuimhnich. (6) air son tighe mo Dhé, agus air son a fhrithealaidh. [TD 107] NEHEMIAH. CAIB. XIII. thug a stigh iasg agus gach gnè bathair; agus reic iad air an t-sàbaid re clann Iudah, agus ann an Ierusalem. 17 Agus thug mi achmhasan do ard uaislibh Iudah, agus thubhairt mi riu, Ciod an ni olc so a tha sibh a’ deanamh, agus sibh a’ briseadh (1) latha na sàbaid? 18 Nach d’rinn bhur n-aithriche mar so, agus nach d’thug ar Dia an t-olc so uile oirnne, agus air a’ bhaile so? agus tha sibhse a’ toirt tuilleadh feirge air Israel leis an t-sàbaid a bhriseadh. 19 Agus an uair a thòisich geataidh Ierusaleim air a bhi dorcha roimh’n t-sàbaid, dh’àithn mi, agus dhruideadh na comhlachan; agus dh’àithn mi nach bitheadh iad air am fosgladh gus an déigh na sàbaid: agus cuid do m’òglachaibh shuidhich mi aig na geataibh, chum nach d’thigeadh eallach a stigh air latha na sàbaid. 20 Agus ghabh na ceannaichean, agus luchd-reicidh gach gnè bathair, tàmh an taobh a muigh do Ierusalem uair no dhà. 21 Agus thug mi fianuis ’nan aghaidh, agus thubhairt mi riu, C’arson a tha sibh a gabhail tàimh fa chomhair a’ bhallaidh? ma ni sibh a rìs e, leagaidh mi làmh oirbh. O’n àm sin cha d’thàinig iad tuilleadh air an t-sàbaid. 22 Agus dh’àithn mi do na Lebhithich, a bha ’gan glanadh féin, agus a thàinig a ghleidheadh nan geatadh, gu’n naomhaicheadh iad latha na sàbaid. Cuimhnich orm, O mo Dhia, thaobh so mar an ceudna, agus caomhain mi a réir mead do thròcaire. 23 Mar an ceudna anns na laithibh sin chunnaic mi Iudhaich a phòs mnài do Asdod, do Amon, agus do Mhoab. 24 Agus labhair an clann leth ann an cainnt Asdoid, agus cha b’urrainn iad labhairt ann an cainnt nan Iudhach, ach a réir cainnte an dà shluaigh (2). 25 Agus thug mi achmhasan doibh, agus mhallaich mi iad, agus bhuail mi cuid diubh agus spìon mi dhiubh am falt agus thug mi orra mionnachadh air Dia, nach d’thugadh iad an nigheana (3) d’am macaibh-san, agus nach gabhadh iad an nigheana-san d’am macaibh, no dhoibh féin. 26 Leis na nithibh sin nach do pheacaich Solamh righ Israeil? gidheadh am measg mhòrain chinneach cha robh righ ann cosmhuil ris, a bha air a ghràdhachadh le Dhia, agus a rinn Dia ’na righ air Israel uile: ach thug mnài choimheach (4) air-san féin peacachadh. 27 An éisd sinn ribh ma ta gus an t-olc mòr so uile a dheanamh, gu peacachadh an aghaidh ar Dé, le mnài choimheach a phòsadh. 28 Agus bha aon do mhac- (1) a’ truailleadh, a’ mi-naomhachadh. (2) sluaigh agus sluaigh. Eabh. (3) Cha d’thoir sibh bhur nigheana &c. Eabh. (4) a bha ’nan coigrich, o thìribh eile. [TD 108] NEHEMIAH. CAIB. XIII. aibh Ioiada, mhic Eliasib an ard-shagairt, ’na chliamhuin aig Sanbalat an t-Horonach: uime sin dh’fhògair mi uam e. 29 Cuimhnich orra, O mo Dhia, chionn gu’n do thruaill iad an t-sagartachd, agus coimhcheangal na sagartachd agus nan Lebhitheach. 30 Mar so ghlan mi iad o gach coigreach, agus dh’orduich mi fairean nan sagart agus nan Lebhitheach, gach aon ’na ghnothuch féin: 31 Agus air son nan tabhartas-fiodha, aig amannaibh suidhichte, agus air son nan ceud thoradh. Cuimhnich orm, O mo Dhia, chum maith. [TD 109] ESTER. CAIB. I. ANIS ann an laithibh Ahasueruis (is e so an t-Ahasuerus a rìoghaich o India gu ruig Etiopia, os cionn ceud agus seachd thar fhichead mòr-roinn) 2 Anns na laithibh sin, an uair a shuidh righ Ahasuerus air righ-chathair a rìoghachd, a bha ann an Susan an lùchairt: 3 Anns an treas bliadhna d’a rìoghachadh, rinn e fleadh (1) d’a uachdarain uile, agus d’a sheirbhisich; agus cumhachd Phersia agus Mhedia, ard uaislean agus uachdarain nam mòr-roinn ’na làthair; 4 An uair a nochd e saibhreas a rìoghachd ghlòrmhoir, agus urram a mhòrachd òirdheirc, rè ceud (2) agus ceithir fichead latha. 5 Agus an uair a chrìochnaicheadh na laithe sin, rinn an righ do’n t-sluagh uile a bha làthair ann an Susan an lùchairt, eadar mhòr agus bheag, fleadh sheachd laithean, ann an cùirt lios (3) tighe an righ. 6 Bha na cùirteine geal, uaine agus gorm air an crochadh le cordaibh do anart grinn agus do chorcur, air failbheagaibh airgid, agus postaibh marmoir: na leapaiche do òr agus do airgiod, air leac-urlar do mharmor dearg, agus gorm agus geal, agus dubh. 7 Agus thug iad deoch seachad ann an soithichibh oir, agus na soithiche ea-cosmhuil r’a chéile (4), agus fìon rìoghail ann am pailteas, mar a thigeadh do’n righ (5). 8 Agus bha ’n t-òl a réir an lagha, gun neach ann a dh’éignicheadh; oir mar sin dh’àithn an righ do uile dhaoinibh mòra a thighe, gu’n deanadh iad mar a b’àill leis gach duine. 9 Mar an ceudna rinn Bhasti a’ bhan-righinn fleadh do na mnaibh anns an tigh rìoghail a bhuineadh do righ Ahasuerus. 10 Air an t-seachdamh là, ’nuair a bha cridhe an righ subhach le fìon, dh’àithn e do Mhehuman, do Bhista, do Harbona, do Bhigta, agus do Abagta, do Shetar, agus do Charcas, na seachd caillteanaich a fhritheil ann an làthair an righ Ahasueruis, 11 Bhasti a’ bhan-righinn a thoirt an làthair an righ leis a’ chrùn rìoghail, a nochdadh do’n t-sluagh agus do na h-uachdaranaibh a sgéimhe; oir bha i maiseach re amharc oirre. 12 Ach dhiùlt a’ bhan-righinn Bhasti teachd air àithne an righ a thug e seachad le làimh (1) cuirm, féist. (2) iomadh latha, eadhon ceud. (3) gàraidh. (4) agus mhùth iad na soithiche. (5) mar bu chubhaidh do’n righ; a réir làimhe an righ. Eabh. [TD 110] ESTER. CAIB. II. nan caillteanach: agus bha corruich mhòr air an righ, agus las fhearg an taobh a stigh dheth. 13 An sin thubhairt an righ ris na daoine glice, d’am b’aithne na h-aimsirean (oir b’e sin gnàth an righ d’an taobh-san uile a bha eòlach air lagh agus breitheanas: 14 Agus làimh ris bha Carsena, Setar, Admata, Tarsis, Meres, Marsena, [agus] Memucan, seachd uachdarain Phersia agus Mhedia, a bha faicinn gnùise an righ, agus a shuidh air thoiseach san rìoghachd) 15 A réir an lagha ciod a ni sinn ris a’ bhan-righinn Bhasti, a chionn nach d’rinn i iarrtus an righ Ahasueruis le làimh nan caillteanach? 16 Agus thubhairt Memucan an làthair an righ agus nan uachdaran, Cha’n ann air an righ a mhàin a rinn Bhasti a’ bhan-righinn eucoir, ach mar an ceudna air na h-uachdaranaibh uile, agus air an t-sluagh uile, a tha ann an uile mhòr-roinnibh righ Ahasueruis: 17 Oir théid gnìomh na ban-righinn a mach a dh’ionnsuidh nam ban uile, air chor as gu’n dean iad tàir air am fir ’nan sùilibh, ’nuair a their iad, Dh’àithn an righ Ahasuerus a’ bhan-righinn Bhasti a thoirt a steach ’na làthair, ach cha d’thàinig i. 18 Mar an ceudna air an la’n diugh their baintighearnan Phersia agus Mhedia, a chluinneas mu ghnìomh na ban-righinn, re uile uachdaranaibh an righ: mar so éiridh suas pailteas tàire agus feirge. 19 Ma’s maith leis an righ, thigeadh àithne rìoghail a mach uaith, agus scrìobhar i am measg laghanna nam Persach agus nam Medach, chum nach atharraichear i, nach d’thig Bhasti ni’s mò an làthair an righ Ahasueruis, agus gu’n d’thoir an righ a h-inbhe rìoghail do mhnaoi eile a’s fearr na ise. 20 Agus an uair a chluinnear àithne an righ a bheir e seachad air feadh a rìoghachd uile (oir tha i mòr) bheir na mnài uile urram d’am fearaibh, eadar mhòr agus bheag. 21 Agus thaitinn am focal ris an righ agus r’a uachdaranaibh, agus rinn an righ a réir focail Mhemucain. 22 Agus chuir e litrichean a dh’ionnsuidh uile mhòr-roinnean an righ, dh’ionnsuidh gach mòr-roinne a réir a scrìobhaidh, agus a dh’ionnsuidh gach sluaigh a réir an cànain (1), gu’m bitheadh gach fear ’na uachdaran ’na thigh féin; agus gu’m biodh so air fhoillseachadh (2) a réir cànain gach sluaigh. CAIB. II. AN déigh nan nithe sin, an uair a thraogh (3) fearg an righ Ahasueruis, chuimhnich e air Bhasti, agus na rinn i, agus na dh’àithneadh ’na h-aghaidh. 2 An sin thubhairt òglaich an righ a fhritheil da, Iarrar do’n righ òighean òga, sgiamhach; 3 Agus orduicheadh an righ (1) cànamhain, cainnte. (2) air a dheanamh aithnichte. (3) a dh’illsich, a sguir. [TD 111] ESTER CAIB. II. luchd-riaghlaidh (1) ann an uile mhòr-roinnibh a rìoghachd, agus cruinnicheadh iad na h-òighean òga sgiamhach uile gu Susan an lùchairt, gu tigh nam ban fuidh làimh Hegai, chaillteanaich an righ, fhir-gleidhidh nam ban, agus thugar dhoibh na nithe air son an glanaidh. 4 Agus bitheadh an òigh a thaitneas ris an righ (2); ’na ban-righinn an àite Bhasti. Agus thaitinn an ni ris an righ, agus rinn e mar sin. 5 Bha Iudhach àraidh ann an Susan an lùchairt, d’am b’ainm Mordecai, mac Iair, mhic Shimei, mhic Chis, duine do Bheniamin, 6 A thugadh air falbh o Ierusalem leis a’ bhraighdeanas a thugadh air falbh maille re Ieconiah righ Iudah, a thug Nebuchadnesar righ Bhabiloin air falbh. 7 Agus dh’àraich (3) e Hadasah (b’i sin Ester) nighean bràthar-athar, oir chi robh athair no màthair aice, agus bha’n òigh maiseach ’na cruth, agus sgiamhach ’na gnùis: agus an uair a dh’eug a h-athair agus a màthair, ghabh Mordecai d’a ionnsuidh i mar a nighean féin. 8 Agus an uair a chualas àithne an righ agus ordugh, agus an uair a chruinnicheadh iomadh òigh gu Susan an lùchairt, gu bhi fuidh làimh (4) Hegai, thugadh Ester mar an ceudna gu tigh an righ, gu bhi fuidh làimh Hegai, fhir-gleidhidh nam ban. 9 Agus thaitinn an òigh ris, agus fhuair i caoimhneas ’na làthair, agus rinn e deifir gus a nithe air son glanaidh, agus na bhuineadh dh’i, a thabhairt d’a h-ionnsuidh, agus gu seachd maighdeana iomchuidh a thabhairt d’i a tigh an righ; agus chuir e i féin agus a maighdeana do’n àit a b’fhearr do thigh nam ban. 10 Cha d’innis Ester a sluagh, no a luchd-dàimh; oir dh’àithn Mordecai dh’i gun innseadh. 11 Agus gach là bha Mordecai ag imeachd fa chomhair cùirte tighe nam ban, a dh’fhiosrachadh cionnus a bha Ester, agus ciod a dh’éireadh dh’i. 12 Agus an uair a thàinig àm gach òighe gu dol a steach a dh’ionnsuidh an righ Ahasueruis, an déigh dh’i bhi dà mhìos dheug a réir gnàtha nam ban (oir mar sin chomhlionadh laithean an glanaidh, sè mìosan le h-ola mirr, agus sè mìosan le luibhibh cùbhraidh agus le nithibh eile chum glanaidh nam ban) 13 An sin mar so thàinig gach òigh a dh’ionnsuidh an righ: gach ni (5) a dh’iarr i thugadh dh’i gu dol a steach leatha a tigh nam ban gu tigh an righ. 14 Air feasgar chaidh i steach, agus sa’ mhaduinn phill i gu dara tigh nam ban, fuidh làimh Shaasgais, chaillteanaich an righ, fhir-gleidhidh nan coimhleabach: cha d’thàinig i steach tuilleadh a dh’ionnsuidh an righ, mar do ghabh an (1) luchd-amhairc thairis. (2) a bhios maith ann an sùilibh an righ. Eabh. (3) thog. (4) fuidh chùram, ann an coimhead. (5) gach neach. [TD 112] ESTER. CAIB. III. righ tlachd dh’i, agus gu’n do ghairmeadh i air a h-ainm. 15 Agus an uair a thàinig àm (1) Esteir, nighinn Abihail, bràthar-athar Mhordecai (a ghabh d’a ionnsuidh i mar a nighean féin) gu dol a steach a dh’ionnsuidh an righ, cha d’iarr i ni air bith ach na dh’orduich Hegai, caillteanach an righ, fear-gleidhidh nam ban: agus fhuair Ester gean-maith ’nan sùilibh-san uile a dh’amhairc oirre. 16 Agus thugadh Ester a dh’ionnsuidh an righ Ahasueruis, a dh’ionnsuidh a thighe rìoghail, anns an deicheamh mìos (is e sin mìos Thebeit) anns an t-seachdamh bliadhna d’a rìoghachadh. 17 Agus ghràdhaich an righ Ester os cionn nam ban uile, agus fhuair i gean-maith agus caoimhneas ’na làthair os cionn nan òighean uile; agus chuir e an crùn rìoghail air a ceann, agus rinn e ’na ban-righinn i an àite Bhasti. 18 An sin rinn an righ fleadh mòr d’a uachdaranaibh uile agus d’a sheirbhisich, fleadh Esteir, agus thug e saorsa do na mòr-roinnibh, agus thug e seachad tiodhlacan, mar bu chubhaidh do’n righ. 19 Agus an uair a chruinnicheadh na h-òighean an dara uair, an sin shuidh Mordecai ann an geatadh an righ. 20 Cha d’innis Ester fathast a luchd-dàimh, no a sluagh, mar a dh’àithn Mordecai dh’i; oir rinn Ester iarrtus Mhordecai, mar a rinn i ’nuair a dh’àraicheadh i maille ris. 21 Anns na laithibh sin, an uair a bha Mordecai ’na shuidhe ann an geatadh an righ, bha fearg air Bigtan agus Teres, dithis do chaillteanachaibh an righ, dhiubhsan a bha coimhead an doruis, agus dh’iarr iad làmh a chur anns an righ Ahasuerus. 22 Agus fhuair Mordecai fios air an ni sin, agus dh’innis se e do Ester a’ bhan-righinn; agus dh’innis Ester e do’n righ ann an ainm Mhordecai. 23 Agus rannsaicheadh an ni, agus fhuaradh a mach e, agus chrochadh suas iad le chéile air crann: agus scrìobhadh e ann an leabhar nan eachdraidh am fianuis an righ. CAIB. III. AN déigh nan nithe sin rinn an righ Ahasuerus Haman, mac Hamedata an t-Agagach, ’na dhuine mòr, agus dh’ardaich se e, agus chuir e àite-suidhe os cionn nan uachdaran uile a bha maille ris. 2 Agus chrom na seirbhisich uile a bha ann an geatadh an righ iad féin, agus thug iad urram do Haman, oir dh’àithn an righ mar sin d’a thaobh, ach cha do chrom Mordecai e féin, agus cha d’thug e urram dha. 3 Agus thubhairt seirbhisich an righ, a bha ann an geatadh an righ, re Mordecai, C’ar son a tha thu a’ briseadh àithne an righ? 4 Agus an uair a labhair iad ris là ’n déigh là, agus nach d’éisd e riu, an sin dh’innis iad e do Haman, a dh’fheuchainn (1) car, seal. [TD 113] ESTER. CAIB. III. an seasadh briathra Mhordecai; oir dh’innis e dhoibh gu’m b’Iudhach e. 5 Agus chunnaic Haman nach do chrom Mordecai e féin, agus nach d’thug e urram dhà, agus bha Haman làn feirge. 6 Agus cha b’fhiù leis làmh a chur ann am Mordecai ’na aonar, oir nochd iad da sluagh Mhordecai; uime sin dh’iarr Haman na h-Iudhaich uile a sgrios a bha ann an uile rìoghachd Ahasueruis, sluagh Mhordecai. 7 Anns a’ cheud mhìos (is e sin mìos Nisain) anns an dara bliadhna deug do righ Ahasuerus, thilgeadh (1) Pur, is e sin an crannchur, an làthair Hamain, o là gu là, agus o mhìos gu mìos, gus an dara mìos deug, is e sin mìos Adair. 8 Agus thubhairt Haman re righ Ahasuerus, Tha sluagh àraidh ann air an sgaoileadh agus air an roinn am measg an t-sluaigh ann an uile mhòr-roinnibh do rìoghachd, agus tha laghanna air leth aca seach gach sluagh, agus cha ’n’eil iad ’a coimhead laghanna an righ; uime sin cha ’n’eil e air son leas an righ am fulang. 9 Ma’s toil leis an righ scrìobhar gu’m bi iad air an sgrios, agus ìocaidh mise deich mìle tàlann airgid d’an làimh-san a ni an gnothuch (2), chum a thabhairt do ionmhasaibh an righ. 10 Agus thug an righ fhàinne bhàrr a làimhe, agus thug se e do Haman mac Hamedata an t-Agagach, nàmhaid nan Iudhach. 11 Agus thubhairt an righ re Haman, Tha’n t-airgiod air a thabhairt duit, agus an sluagh, a dheanamh riu mar is àill leat. 12 Agus ghairmeadh scrìobhuichean an righ air an treas latha deug don cheud mhìos, agus scrìobhadh, a réir gach ni a dh’àithn Haman, chum ard riaghlairean an righ, agus a chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr-roinne, agus a chum cheann-feadhna (3) gach sluaigh, chum gach mòr-roinne a réir an scrìobhaidh, agus a chum gach sluaigh a réir an cànain: ann an ainm an righ Ahasueruis scrìobhadh e, agus sheulaicheadh e le fàinne an righ. 13 Agus chuireadh na litrichean le làimh ghillean-ruithe gu uile mhòr-roinnibh an righ, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do na h-Iudhaich uile, eadar òg agus shean, chloinn bhig agus mhnaibh, ann an aon latha, air an treas latha deug do’n dara mìos deug (is e sin mìos Adair) agus am feudail (4) a thogail mar chreich. 14 B’e dùblachadh an scrìobhaidh, Gu’n d’thugta àithne seachad anns gach mòr-roinn, air a foillseachadh do gach sluagh, iad a bhi deas fa chomhair an là sin. 15 Chaidh na gillean-ruithe a mach, air an greasadh le h-àithne an righ; agus thugadh an t-ordugh seachad ann an Susan an lùchairt: agus shuidh an righ agus Haman sìos a dh’òl; (1) thilg e. (2) do làimh an luchd-ghnothuiche. (3) cheannard. (4) am macin. [TD 114] ESTER. CAIB. IV. ach bha’m baile Susan fa amhluadh (1). CAIB. IV. AN uair a dh’aithnich Mordecai gach ni a rinneadh, reub e (2) eudach, agus chuir e faic-eudach air agus luaithre, agus chaidh e mach gu meadhon a’ bhaile, agus ghlaodh e le glaodh ard agus searbh. 2 Agus thàinig e eadhon fa chomhair geataidh an righ: oir cha ’n fheudadh neach air bith dol a stigh do gheatadh an righ le saic-eudach air. 3 Agus anns gach uile mhòr-roinn d’an d’thàinig focal an righ agus ordugh, bha bròn mòr am measg nan Iudhach, agus trosgadh, agus gul, agus caoidh, agus luidh mòran ann an saic-eudach agus an luaithre. 4 Agus thàinig maighdeanan Esteir agus a caillteanaich, agus dh’innis iad sin d’i. Agus bha a’ bhan-righinn ro-dhoilgheasach, agus chuir i eudach gu bhi air a chur air Mordecai, agus gu’n d’thugta eudach-faice dheth: ach cha ghabhadh esan e. 5 An sin ghoir Ester air Hatach aon do chaillteanachaibh an righ, d’an d’orduich e feitheamh oirre, agus thug i àithne dha gu Mordecai, gu’m faigheadh e fios ciod e so, agus c’ar son so. 6 Agus chaidh Hatach a mach a dh’ionnsuidh Mhordecai, gu sràid a’ bhaile, a bha fa chomhair geataidh an righ. 7 Agus dh’innis Mordecai dha gach ni a thachair dha, agus an t-suim airgid a gheall Haman a thomhas a stigh do ionmhasaibh an righ airson (3) nan Iudhach, chum an sgrios. 8 Agus thug e dha dùblachadh scrìobhaidh an orduigh, a thugadh ann an Susan gus an sgrios, chum fheuchainn do Ester, agus a chur an céill d’i, agus a dh’àithneadh dh’i gu’n rachadh i stigh a dh’ionnsuidh an righ, a dh’aslachadh air agus a ghuidheadh air (4) as leth a sluaigh. 9 Agus thàinig Hatach, agus dh’innis e do Ester briathra Mhordecai. 10 Agus labhair Ester re Hatach, agus thug i àithne dha gu Mordecai: 11 Tha fios aig seirbhisich an righ uile, agus aig sluagh mhòr-roinnean an righ, ge b’e air bith fear no bean a théid a steach a dh’ionnsuidh an righ do’n chùirt a’s faide a stigh, air nach goirear, gu bheil aon lagh aige a chur gu bàs, ach a mhàin esan d’an sìn an righ a mach a shlat-òir rìoghail, a chum gu’m bi e beo: ach cha do ghoireadh ormsa teachd a steach a dh’ionnsuidh an righ na deich latha fichead so. 12 Agus dh’innis iad do Mhordecai briathran Esteir. 13 Agus dh’àithn Mordecai freagradh a thoirt do Ester, Na smuainich agad féin gu’n d’théid thu as ann an tigh an righ ni’s mò na na h-Iudhaich uile: 14 Oir ma bhitheas tusa gu tur a’d’thosd san àm so, thig lasachadh agus saorsa do na h-Iudhachaibh o àit eile, ach (1) iomcheist. (2) Mordecai. Eabh. (3) an aghaidh. (4) ’na làthair. [TD 115] ESTER. CAIB. V. sgriosar thusa agus tigh t’athar: agus cò aig am bheil fios nach ann air son a leithid so do àm a thàinig thu do’n rìoghalachd (1)? 15 An sin dh’iarr Ester am freagradh so a thoirt do Mhordecai: 16 Falbh, cruinnich r’a chéile na h-Iudhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus troisgibh air mo shon-sa, agus na h-ithibh agus na h-òlaibh rè thri laithean, a là no dh’oidhche: troisgidh mise agus mo mhaighdeanan air an dòigh cheudna, agus ansin théid mi a stigh a dh’ionnsuidh an righ, ni nach ’eil a réir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam. 17 Agus dh’imich Mordecai, agus rinn e a réir gach ni a dh’àithn Ester dha. CAIB. V. ANIS air an treas là chuir Ester orra a [culaidh] rìoghail, agus sheas i anns a’ chùirt a b’fhaide steach do thigh an righ, fa chomhair tighe an righ: agus bha’n righ ’na shuidhe air a righ-chathair anns an tigh rìoghail, fa chomhair geataidh an tighe. 2 Agus an uair a chunnaic an righ Ester a’ bhan-righinn ’na seasamh anns a’ chùirt, fhuair i deagh-ghean ’na shealladh: agus shìn an righ a mach gu Ester an t-slat-òir rìoghail a bha ’na làimh; agus thàinig Ester am fagus, agus bhean i re bàrr na slaite. 3 An sin thubhairt an righ rithe, Ciod a’s àill leat, a bhan-righinn Ester, agus ciod e t’iarrtus? gu ruig leth na rìoghachd bheirear dhuit e. 4 Agus fhreagair Ester, Ma’s maith leis an righ, thigeadh an righ agus Haman an diugh a dh’ionnsuidh na fleadha a dheasaich mi dha. 5 Agus thubhairt an righ, Greasaibh Haman a dheanamh mar a thubhairt Ester. Agus thàinig an righ agus Haman a dh’ionnsuidh na fleadha a dheasaich Ester. 6 Agus thubhairt an righ re Ester aig fleadh an fhìona, Ciod i t’athchuinge, agus bheirear dhuit i? agus ciod e t’iarrtus? agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e. 7 Agus fhreagair Ester, agus thubhairt i, Is i m’athchuinge agus m’iarrtus; 8 Ma fhuair mi deagh-ghean ann an sealladh an righ, agus ma’s maith leis an righ m’athchuinge a dheònachadh, agus m’iarrtus a dheanamh, thigeadh an righ agus Haman a dh’ionnsuidh na fleadha a dheasaicheas mi dhoibh, agus am màireach ni mi a réir focail an righ. 9 Agus chaidh Haman a mach air an là sin aoibhneach agus subhach ’na chridhe: ach an uair a chunnaic Haman Mordecai ann an geatadh an righ, agus nach d’éirich e, agus nach do charuich e air a shon, bha e (2) làn feirge an aghaidh Mhordecai. 10 Gidheadh chum Haman air féin, agus chaidh e dhachaidh; agus chuir e fios uaith, agus thug e air a chairdibh (1) inbhe rìoghail. (2) Haman. [TD 116] ESTER. CAIB. VI. teachd d’a ionnsuidh, agus air Seres a mhnaoi. 11 Agus chuir Haman an céill doibh mòralachd a bheartais, agus lìonmhoireachd a mhac, agus gach ni leis an d’rinn an righ mòr e, agus mar a dh’ardaich se e os cionn nan uachdaran agus sheirbhiseach an righ. 12 Thubhairt Haman mar an ceudna, Os bàrr, cha d’thug Ester a’ bhan-righinn duine air bith a stigh maille ris an righ dh’ionnsuidh na fleadha a dheasaich i, ach mi féin; agus mar an ceudna am màireach, tha mi air mo chuireadh leatha maille ris an righ. 13 Gidheadh cha dean so uile a bheag do mhaith dhomh, am feadh a chi mi Mordecai an t-Iudhach ’na shuidhe ann an geatadh an righ. 14 Agus thubhairt Seres a bhean ris, agus a chairdean uile, Deanar croich leth-cheud làmhchoille air airde, agus anns a’ mhaduinn labhair ris an righ gu’n crochar Mordecai oirre, agus gabh a steach maille ris an righ dh’ionnsuidh na fleadha gu subhach. Agus thaitinn an ni re Haman, agus thug e fa’near a’ chroich a bhi air a deanamh. CAIB. VI. AIR an oidhche sin theich codal an righ uaith, agus dh’iarr e leabhar-cuimhne nan eachdraidh lathail a bhi air a thabhairt d’a ionnsuidh; agus leughadh iad am fianais an righ. 2 Agus fhuaradh scrìobhta, gu’n d’innis Mordecai air Bigtana (1) agus air Teres, dithis do chaillteanachaibh an righ, dhiubhsan a bha coimhead an doruis, a dh’iarr làmh a chur ann an righ Ahasuerus. 3 Agus thubhairt an righ, Ciod an t-urram agus an inbhe a thugadh do Mhordecai air son so? Agus thubhairt òglaich an righ a fhritheil dha, Cha d’rinneadh ni air bith air a shon. 4 Agus thubhairt an righ, Cò a tha sa’ chùirt? (a nis bha Haman air teachd do chùirt tighe an righ a b’fhaide a mach, a labhairt ris an righ, gu’m biodh Mordecai air a chrochadh air a’ chroich a dheasaich e dha) 5 Agus thubhairt òglaich an righ ris, Feuch, tha Haman ’na sheasamh anns a’ chùirt. Agus thubhairt an righ, Thigeadh e stigh. 6 Agus thàinig Haman a stigh; agus thubhairt an righ ris, Ciod a nìthear do’n duine, air an toil leis an righ urram a chur? (Anis thubhairt (2) Haman ’na chridhe, Cò air an toil leis an righ urram a chur ni’s mò na orm féin?) 7 Agus fhreagair Haman an righ, Air son an duine air an toil leis an righ urram a chur, 8 Thugar a làthair a’ chulaidh (3) rìoghail a chuireas an righ air, agus an t-each air am marcaich an righ, agus an crùn rìoghail a chuirear air a cheann: 9 Agus thugar a’ chulaidh agus an t-each do làimh aoin do uachdaranaibh ro-urramach an righ, agus sgeadaicheadh iad (1) Bigtan Caib. II. r. 21. (2) smuainich. (3) an truscan, deise. [TD 117] ESTER. CAIB. VII. an duine air an toil leis an righ urram a chur, agus thugadh iad air marcachd air an each air sràid a’ bhaile mhòir (1), agus gairmeadh iad roimhe, Mar so nìthear do’n duine air an toil leis an righ urram a chur. 10 Agus thubhairt an righ re Haman, Greas (2) ort, gabh a’ chulaidh agus an t-each mar a thubhairt thu, agus dean mar sin do Mhordecai an t-Iudhach, a tha ’na shuidhe ann an geatadh an righ: na dearmaid ni air bith do na thubhairt thu. 11 An sin ghabh Haman a’ chulaidh agus an t-each, agus sgeadaich e Mordecai, agus thug e air marcachd air sràid a’ bhaile mhòir, agus ghairm e roimhe, Mar so nìthear do’n duine air an toil leis an righ urram a chur. 12 Agus phill Mordecai gu geatadh an righ: ach ghreas Haman d’a thigh féin re bròn, agus a cheann còmhdaichte (3). 13 Agus dh’innis Haman do Sheres a bhean, agus d’a chairdibh uile gach ni a thachair dha. Agus thubhairt a dhaoine glice agus Seres a bhean ris, Ma’s ann do shliochd nan Iudhach Mordecai, roimh an do thòisich thu air tuiteam, cha bhuadhaich thu ’na aghaidh, ach gun teagamh tuitidh tu roimhe. 14 An uair a bha iad fathast a’ labhairt ris, thàinig caillteanaich an righ, agus rinn iad deifir gu Haman a thabhairt a dh’ionnsuidh na fleadha a dheasaich Ester. CAIB. VII. AGUS thàinig an righ agus Haman chum na fleadha maille re Ester a’ bhan-righinn (4). 2 Agus thubhairt an righ re Ester mar an ceudna air an dara là aig fleadh an fhìona, Ciod i t’athchuinge, a bhan-righinn Ester? agus bheirear dhuit i: agus ciod e t’iarrtus? agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e. 3 Agus fhreagair Ester a’ bhan-righinn, agus thubhairt i, Ma fhuair mi deagh-ghean a’d’ shùilibh, a righ, agus ma’s maith leis an righ, thugar dhomh m’anam air m’athchuinge, agus mo shluagh air m’iarrtus: 4 Oir reiceadh sinn, mise agus mo shluagh, gu bhi air ar dìtheachadh (5), air ar marbhadh, agus air ar léir-sgrios: ach nam b’ann mar thràillibh agus mar bhan-tràillibh a reiceadh sinn, bhithinn a’m’ thosd, ge nach b’urrainn an nàmhaid call (6) an righ a dheanamh suas. 5 Agus fhreagair righ Ahasuerus, agus thubhairt e re Ester a’ bhan-righinn, Cò e so? agus c’àit am bheil esan, aig an robh a dhànadas ’na chridhe deanamh mar sin? 6 Agus thubhairt Ester, Is e ’n t-eascaraid agus an nàmhaid Haman an droch dhuine so. Agus bha eagal air Haman an làthair an righ agus na ban-righinn. 7 Agus dh’éirich an righ ’na fheirg o fhleadh an fhìona, agus chaidh e do lios na lùchairte (7); (1) tre shràid na cathrach. (2) Luathaich. (3) solach air a cheann. (4) bhan-ri’n. (5) milleadh, sgrios. (6) calldach. (7) do lios an tighe, do’n lios a b’fhaide stigh. [TD 118] ESTER. CAIB. VIII. agus sheas Haman gu anam a ghuidhe o Ester a’ bhan-righinn; oir chunnaic e gu’n do shònraicheadh olc ’na aghaidh leis an righ. 8 Agus phill an righ o lios na lùchairte gu tigh fleadha an fhìona, agus bha Haman air tuiteam air an leabaidh air an robh Ester. Agus thubhairt an righ, An éignich e a’ bhan-righinn mar an ceudna a’m’ làthair ann am thigh? An uair a chaidh am focal a beul an righ, chòmhdaich iad aghaidh Hamain. 9 Agus thubhairt Harbonah aon do na caillteanachaibh an làthair an righ, Feuch, tha mar an ceudna a’ chroich a rinn Haman do Mhordecai, a labhair maith air son an righ, ’na seasamh ann an tigh Hamain, leth-cheud làmh-choille air airde. Agus thubhairt an righ, Crochaibh e oirre. 10 Agus chroch iad Haman air a’ chroich a dheasaich e do Mhordecai. Agus thraogh fearg an righ. CAIB. VIII. AIR an là sin thug an righ Ahasuerus tigh Hamain eascaraid nan Iudhach, do Ester a’ bhan-righinn; agus thàinig Mordecai an làthair an righ: air dh’innis Ester ciod e dh’i (1). 2 Agus thug an righ dheth fhàinne a thug e o Haman, agus thug se e do Mhordecai. Agus chuir Ester Mordecai os cionn tighe Hamain. 3 Agus labhair Ester a rìs an làthair an righ, agus thuit i sìos aig a chosaibh, agus ghuil i, agus ghuidh i air gu’n cuireadh e air falbh olc Hamain an Agagaich, agus aisinnleachd a dhealbh e (2) an aghaidh nan Iudhach. 4 Agus shìn an righ a mach an t-slat-òir rìoghail gu h-Ester. Agus dh’éirich Ester, agus sheas i an làthair an righ. 5 Agus thubhairt i, Ma’s maith leis an righ, agus ma fhuair mise deagh-ghean ’na làthair, agus ma ta an ni ceart am fianuis an righ, agus ma ta mi taitneach ’na shùilibh, scrìobhar a ghairm air an ais nan litrichean a dhealbhadh le Haman mac Hamedata an t-Agagach, a scrìobh e chum na h-Iudhaich a ta ann an uile mhòr-roinnibh an righ a sgrios. 6 Oir cionnas is urrainn mi amharc air an olc a thig air mo shluagh? agus cionnas is urrainn mi amharc air sgrios mo luchd-dàimh? 7 An sin thubhairt an righ Ahasuerus re Ester a’ bhan-righinn, agus re Mordecai an t-Iudhach, Feuch, tigh Hamain thug mi do Ester, agus esan chroch iad air a’ chroich, a chionn gu’n do chuir e a làmh anns na h-Iudhachaibh. 8 Scrìobhaibhse mar an ceudna air son nan Iudhach mar is maith leibh ann an ainm an righ, agus seulaichibh le fàinne an righ: oir an scrìobhadh a scrìobhar ann an ainm an righ, agus a sheulaichear le fàinne an righ, cha ’n fheudar a chur air ais. 9 Uime sin ghairmeadh (1) mar a bha e dh’i. (2) a dhroch smuainte a smuainich e. [TD 119] ESTER. CAIB. IX. scrìobhuichean an righ air an àm sin anns an treas mìos (is e sin mìos Shibhain) air an treas latha fichead dheth, agus scrìobhadh, a réir gach ni a dh’àithn Mordecai, chum nan Iudhach, agus a chum nan ard-riaghlair (1), agus nan ceannard agus uachdarana nam mòr-roinn (2) a tha o India gu h-Etiopia, ceud fichead agus seachd mòr-roinn, chum gach mòr-roinne a réir an scrìobhaidh, agus a chum gach sluaigh a réir an cànain (3), agus a chum nan Iudhach a réir an scrìobhaidh, agus a réir an cànain. 10 Agus scrìobh e ann an ainm an righ Ahasueruis, agus sheulaich e le fàinne an righ, agus chuir e litrichean le làimh ghillean-ruithe (4) air eachaibh, a’ marcachd air eachaibh luatha, agus air muileidibh, mic nan caball (5); 11 Anns an d’thug an righ cead do na h-Iudhachaibh, a bha anns gach baile, cruinneachadh an ceann a chéile, agus seasamh airson an anama, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do uile neart sluaigh agus mòr-roinne a thigeadh ’nan aghaidh (6), araon an clann bheag agus am mnài, agus an creach a thogail, 12 Air aon latha ann an uile mhòr-roinnibh an righ Ahasueruis, air an treas latha deug do’n dara mìos deug (is e sin mìos Adair) 13 B’e dùblachadh an scrìobhaidh, Gu’n d’thugta àithne seachad anns gach mòr-roinn, air a foillseachadh do gach sluagh, gu’m biodh na h-Iudhaich deas air an là sin gu’n dìoladh féin (7) air an naimhdibh. 14 Chaidh na gillean-ruithe (8) a mach, a’ marcachd air eachaibh luatha, [agus] air muileidibh (9), le cabhaig, agus iad air an greasadh le àithne an righ; agus thugadh an t-ordugh seachad ann an Susan an lùchairt. 15 Agus chaidh Mordecai mach as làthair an righ ann an eudach rìoghail do ghorm agus do gheal, agus le crùn mòr òir, agus le trusgan do anart grinn agus do chorcur: agus rinn baile Shusain gairdeachas, agus bha e aoibhinn. 16 Aig na h-Iudhachaibh bha solus, agus aoibhneas agus gairdeachas, agus urram. 17 Agus anns gach mòr-roinn agus anns gach baile, ge b’e àit d’an d’thàinig àithne an righ agus ordugh, bha aoibhneas agus gairdeachas aig na h-Iudhachaibh, cuirm agus latha maith. Agus dh’fhàs mòran do shluagh na tìre ’nan Iudhachaibh; oir thuit eagal nan Iudhach orra. CAIB. IX. ANIS anns an dara mìos deug (is e sin mìos Adair) air an treas latha deug do’n mhìos, air an robh àithne an righ agus ordugh gu bhi air an coimhlionadh, air an là anns an (1) fear-àite an righ. (2) mòr-earrann. (3) cainnte. (4) theachdairean, phost. (5) agus marcaich air muileidibh, càmhalaibh, agus dromedairibh òga. (6) a bheireadh ionnsuidh orra. (7) gu dìoghaltas a dheanamh. (8) teachdairean. (9) air muileidibh agus càmhalaibh. [TD 120] ESTER. CAIB. IX. robh dùil aig naimhdibh nan Iudhach cumhachd fhaghail os an cionn (ge do thachair, air a’ chaochladh, gu’n robh aig na h-Iudhaich cumhachd os an cionn-san a dh’fhuathaich iad) 2 Chruinnich na h-Iudhaich iad féin an cionn a chéile ’nam bailtibh, ann an uile mhòr-roinnibh an righ Ahasueruis, gu làmh a chur annta-san a dh’iarr an cron; agus cha b’urrainn duine air bith seasamh ’nan aghaidh, oir thuit an eagal air gach uile shluagh. 3 Agus thug uile uachdarana nam mòr-roinn agus na h-ard riaghlairean, agus na ceannardan, agus iadsan a rinn gnothuichean an righ, urram do na h-Iudhachaibh (1); oir thuit eagal Mordecai orra: 4 Oir bha Mordecai mòr ann an tigh an righ, agus chaidh iomradh a mach air feadh nam mòr-roinn uile; oir dh’fhàs an duine so Mordecai ni bu mhò agus ni bu mhò. 5 Agus bhuail na h-Iudhaich an naimhdean uile le buille a’ chlaidheimh, agus àir, agus sgrios; agus rinn iad mar bu mhiann leo orra-san a dh’fhuathaich iad. 6 Agus ann an Susan an lùchairt mharbh na h-Iudhaich, agus sgrios iad cùig ceud fear. 7 Agus Parsandata, agus Dalphon, agus Aspata, 8 Agus Porata, agus Adalia, agus Aridata, 9 Agus Parmasta, agus Arisai, agus Aridai, agus Bhaiesata, 10 Deich mic Hamain mhic Hamedata, nàmhaid nan Iudhach, mharbh iad: ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh. 11 Air an là sin thugadh àireamh na muinntir a mharbhadh ann an Susan an lùchairt an làthair an righ. 12 Agus thubhairt an righ re Ester a’ bhan-righinn, Mharbh na h-Iudhaich agus sgrios iad cùig ceud fear ann an Susan an lùchairt, agus deich mic Hamain: agus anns a’ chuid eile do mhòr-roinnibh an righ ciod a rinn iad? ach ciod i t’athchuinge? agus bheirear dhuit i: agus ciod e t’iarrtus os bàrr? agus nìthear e. 13 Agus thubhairt Ester, Ma’s maith leis an righ, thugar comas do na h-Iudhachaibh a tha ann an Susan, deanamh mar an ceudna am màireach a réir orduigh an la’n diugh, agus crochar deich mic Hamain air a’ chroich. 14 Agus dh’àithn an righ a dheanamh mar sin, agus thugadh an t’ordugh ann an Susan; agus chroch iad deich mic Hamain: 15 Agus chruinnich na h-Iudhaich a bha ann an Susan an cionn a chéile mar an ceudna air a’ cheathramh latha deug do mhìos Adair, agus mharbh iad ann an Susan tri cheud fear; ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh. 16 Agus chruinnich a’ chuid eile do na h-Iudhachaibh a bha ann am mòr-roinnibh an righ an cionn a chéile, agus sheas iad air son an anama, agus bha fois (1) dh’ardaich iad, chuidich iad leis na h-Iudhachaibh. [TD 121] ESTER. CAIB. IX. aca o’n naimhdibh, agus mharbh iad d’an eascairdibh cùig-deug agus tri fichead mìle; ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh. 17 Air an treas latha deug do mhìos Adair rinn iad mar so; agus bha fois aca air a’ cheathramh latha deug do’n mhìos cheudna, agus rinn iad e ’na latha cuirme agus aoibhneis. 18 Ach chruinnich na h-Iudhaich a bha ann an Susan iad féin an cionn a chéile air an treas latha deug, agus air a’ cheathramh latha deug do’n mhìos; agus bha fois aca air a’ chùigeadh latha deug do’n mhìos cheudna, agus rinn iad e ’na latha cuirme agus aoibhneis. 19 Uime sin rinn Iudhaich nam bailte beaga, a bha ’nan còmhnuidh ann am bailtibh nam mòr-roinn (1), an ceathramh latha deug do mhìos Adair ’na latha aoibhneis, agus cuirme, agus ’na latha maith, agus a’ chur chuibhrionn a chum a’ chéile. 20 Agus scrìobh Mordecai na nithe so, agus chuir e litriche chum nan Iudhach uile a bha ann an uile mhòr-roinnibh an righ Ahasueruis, am fad’s am fagus; 21 Chum a shuidheachadh ’nam measg, gu’n cumadh iad an ceathramh latha deug do mhìos Adair, agus an cùigeadh latha deug dheth gach bliadhna, 22 A réir nan laithean anns an d’fhuair na h-Iudhaich fois o’n naimhdibh, agus a’ mhìos a dh’iompoicheadh dhoibh o thuirse gu h-aoibhneas, agus o bhròn gu h-àm (2) maith; gu’n deanadh siad iad ’nan laithibh cuirme, agus aoibhneis, agus a’ chur chuibhrionn chum a chéile, agus thiodhlacadh chum nam bochd. 23 Agus ghabh na h-Iudhaich os làimh deanamh mar a thòisich iad, agus mar a scrìobh Mordecai d’an ionnsuidh. 24 A chionn gu’n do smuainich (3) Haman mac Hamedata an t-Agagach, nàmhaid nan Iudhach uile, an aghaidh nan Iudhach chum an sgrios, agus gu’n do thilg e Pur (is e sin, crannchur) chum an dìtheachadh agus an sgrios. 25 Ach an uair a thàinig [Ester] an làthair an righ, dh’orduich e le litir, gu’m pilleadh aisinnleachd donadh (4) a dhealbh e ’n aghaidh nan Iudhach air a cheann féin, agus gu’m biodh esan agus a mhic air an crochadh air a’ chroich. 26 Uime sin dh’ainmich iad na laithean sin Purim, a réir ainme Phuir: Air an aobhar sin airson uile bhriathar na litireach sin, agus na chunnaic iad a thaobh an ni so, agus na thachair dhoibh, 27 Shuidhich (5) na h-Iudhaich, agus ghabh iad orra féin agus air an sliochd, agus orra-san uile a leanadh riu, air chor as nach rachta thairis air, gu’n cumadh iad an dà latha sin a réir an scrìobhaidh, agus a réir an àm, anns gach bliadhna: 28 Agus gu’m biodh na laithean sin air an cuimhneachadh, (1) anns na bailtibh gun bhallaibh. (2) latha. Eabh. (3) thùr. (4) an t-aimhleas, a dhroch smuainte. (5) dh’orduich. [TD 122] ESTER. CAIB. X. agus air an cumail air feadh gach àil, gach teaghlaich, gach mòr-roinne, agus gach baile; agus nach leigte sìos (1) na laithean sin Phurim am measg nan Iudhach, agus nach rachadh as d’an cuimhne o’n sliochd. 29 Agus scrìobh a’ bhan-righinn Ester nighean Abihail, agus Mordecai an t-Iudhach, leis an uile ùghdarras, a dhaingneachadh na dara litireach so Phurim. 30 Agus chuir e litriche chum nan Iudhach uile, chum a’ cheud agus nan seachd mòr-roinn fhichead rìoghachd Ahasueruis, le briathraibh sìth agus fìrinn, 31 A dhaingneachadh laithean sin Phurim ’nan amannaibh, mar a shuidhich Mordecai an t-Iudhach agus Ester a’ bhan-righinn d’an taobh, agus mar a dh’orduich iad air an son féin, agus air son an sliochd nithe nan trosgadh agus an éighich. 32 Agus dhaingnich ordugh Esteir nithe Phurim sin, agus scrìobhadh e ann an leabhar. CAIB. X. AGUS chuir an righ Ahasuerus cìs air an tìr, agus air eileanaibh na mara. 2 Agus uile ghnìomharan a thréine agus a chumhachd, agus foillseachadh mòrachd Mhordecai chum an (2) d’ardaich an righ e, nach ’eil iad scrìobhta ann an leabhar eachdraidh righrean Mhedia agus Phersia? 3 Oir b’e Mordecai an t-Iudhach a b’fhaigse do righ Ahasuerus; agus bha e mòr am measg nan Iudhach, agus taitneach do mhòr chuideachd a bhràithrean, ag iarraidh maith (3) d’a shluagh, agus a’ labhairt sìth r’a shliochd uile. (1) rachar thairis air. (2) leis an. (3) soirbheis, beartais. [TD 123] IOB. CAIB. I. BHA duine ann an tìr Uis, d’am b’ainm Iob; agus bha ’n duine sin coimhlionta (1) agus dìreach (2), agus ’na neach air an robh eagal Dé, agus a sheachainn olc. 2 Agus rugadh dha seachd mic, agus tri nigheana. 3 Agus b’i a mhaoin (3) seachd mìle caora, agus tri mìle càmhal, agus cùig ceud cuing dhamh, agus cùig ceud asal bhoirionn (4), agus teaghlach ro-mhòr: agus bha ’n duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h-airde ’n ear. 4 Agus chaidh a mhic agus rinn iad cuirm aig an tigh, gach fear air a latha féin; agus chuir iad fios, agus thug iad cuire d’an tri peathraichibh a dh’itheadh agus a dh’òl maille riu. 5 Agus an uair a chaidh laithean na cuirme mu’n cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’éirich e moch sa’ mhaduinn, agus dh’ìobair e ìobairte-loisgte a réir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gu’n do pheacaich mo mhic, agus gu’n do mhallaich iad Dia ’nan cridhe. Mar so rinn Iob gach latha. 6 Anis bha là air an d’thàinig mic Dhé gu seasamh an làthair an Tighearna; agus thàinig mar an ceudna Satan ’nam measg. 7 Agus thubhairt an Tighearna re Satan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Satan an Tighearn, agus thubhairt e, O imeachd mu’n cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air. 8 Agus thubhairt an Tighearna re Satan, An d’thug thu fa’near m’òglach Iob, nach ’eil neach ann cosmhuil ris air an talamh, duine coimhlionta agus dìreach, air am bheil eagal Dé, agus a’ seachnadh uilc? 9 Agus fhreagair Satan an Tighearn, agus thubhairt e, An ann a nasgaidh a tha eagal Dhé air Iob? 10 Nach do chuir thu gàradh mu’n cuairt air féin, agus mu’n cuairt air a thigh, agus mu’n cuairt air gach ni a ta aige air gach taobh? Obair a làmh bheannaich thu, agus dh’fhàs a mhaoin mòr san tìr. 11 Ach cuir a nis a mach do làmh, agus bean ris gach ni a ta aige, agus as an eudan mallaichidh e thu. 12 Agus thubhairt an Tighearn re Satan, Feuch, tha gach ni a ta aige a’d’ làimh-sa: a mhàin air féin na cuir do làmh. Agus chaidh Satan a mach o làthair an Tighearna. (1) foirfe. (2) cothromach. (3) a ni, a spréidh, eudail. (4) bhainionn. [TD 124] IOB. CAIB. II. 13 Agus bha là air an robh a mhic agus a nigheana ag itheadh, agus ag òl fiona ann an tigh am bràthar bu shine. 14 Agus thàinig teachdaire gu Iob, agus thubhairt e, Bha na daimh ag ar, agus na h-asail ag ionaltradh làimh riu: 15 Agus leum (1) na Sabeanaich (2) orra, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h-òglaich le saobhar a’ chlaidheimh; agus thàinig mise a’m’ aonar as a dh’innseadh dhuit. 16 An uair a bha e fathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Thuit teine Dhé o na nèamhaibh, agus loisg e na caoraich agus na h-òglaich, agus chuir e as doibh; agus thàinig mise a’m’ aonar as a dh’innseadh dhuit. 17 An uair a bha e fathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Rinn na Caldeanaich suas tri buidhnean, agus thug iad ionnsuidh air na càmhalaibh, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h-òglaich le saobhar a’ chlaidheimh; agus thàinig mise a’m’ aonar as a dh’innseadh dhuit. 18 An uair a bha e fathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Bha do mhic agus do nigheana ag itheadh, agus ag òl fiona ann an tigh am bràthar bu shine. 19 Agus feuch, thainig gaoth mhòr o’n fhàsach, agus bhuail i air ceithir oisinnibh an tighe, agus thuit e air na h-òganaich, agus tha iad marbh; agus thàinig mise a’m’ aonar as a dh’innseadh dhuit. 20 An sin dh’éirich Iob, agus reub e fhalluing, agus bhearr e a cheann, agus thuit e sìos air an talamh, agus rinn e aoradh, 21 Agus thubhairt e, Lomnochd thainig mi a broinn mo mhàthar, agus lomnochd pillidh mi an sin: thug an Tighearn uaith, agus thug an Tighearn leis: beannuichte gu robh ainm an Tighearna. 22 An so uile cha do pheacaich Iob, agus cha do labhair e gu h-amaideach an aghaidh Dhé (3). CAIB II. ARIS bha là air an d’thàinig mic Dhé gu seasamh an làthair an Tighearna, agus thàinig mar an ceudna Satan ’nam measg gu seasamh an làthair an Tighearna. 2 Agus thubhairt an Tighearn re Satan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Satan an Tighearn, agus thubhairt e, O imeachd mu’n cuairt air an talamh, agus o shiubhal sios agus suas air. 3 Agus thubhairt an Tighearn re Satan, An d’thug thu fa’near m’òglach Iob, nach ’eil neach ann cosmhuil ris air an talamh, duine coimhlionta agus dìreach, air am bheil eagal Dé, agus a’ seachnadh uilc? agus fathast tha e gleidheadh ionracais, ge do ghluais (4) thusa mi (1) thuit. (2) creachadairean. (3) cha do chuir e amaideachd as leth Dhé. (4) dhùisg, bhrosnaich. [TD 125] IOB. CAIB. III. ’na aghaidh chum a sgrios gun aobhar. 4 Agus fhreagair Satan an Tighearn, agus thubhairt e, Croicionn air son croicinn, eadhon gach ni a ta aig duine bheir e air son anama. 5 Ach cuir a nis a mach do làmh, agus bean r’a chnaimh agus r’a fheoil, agus as an eudan mallaichidh e thu. 6 Agus thubhairt an Tighearn re Satan, Feuch, tha e a’d’ làimh-sa, ach caomhain anam. 7 Agus chaidh Satan a mach o làthair an Tighearna, agus bhuail e Iob le neasgaidibh cràiteach, o bhonn a choise gu mullach a chinn. 8 Agus ghabh e slige-chreadha g’a sgrìobadh féin leatha; agus shuidh e am measg na luaithre. 9 An sin thubhairt a bhean ris, Am bheil thu fathast a’ cumail t’ionracais? mallaich Dia, agus faigh bàs. 10 Ach thubhairt esan rithe, Mar a labhras aon do na mnaibh amaideach tha thu a’ labhairt: seadh, an gabh sinn maith o làimh Dhé, agus nach gabh sinn olc? An so uile cha do pheacaich Iob le bhilibh. 11 A nis an uair a chuala tri chairdean Iob an t-olc so uile a thàinig air, thàinig iad gach fear o àite féin, Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach; oir shuidhich iad eatorra féin (1) teachd a dheanamh bròin (2) maille ris, agus a thabhairt comhfhurtachd dha. 12 Agus an uair a thog iad an sùilean (3) fad as, agus nach d’aithnich iad e, thog iad an guth agus ghuil iad, agus reub iad gach fear fhalluing, agus chrath iad duslach air an cinn a làimh nan nèamh. 13 Agus shuidh iad sìos maille ris air an talamh seachd laithean agus seachd oidhchean, agus cha do labhair neach focal ris: oir chunnaic iad gu’n robh a dhoilgheas ro-mhòr. CAIB. III. ’NA dhéigh so dh’fhosgail Iob a bheul, agus mhallaich e a latha. 2 Agus labhair Iob, agus thubhairt e, 3 Rachadh as do’n là air an d’rugadh mi, agus do’n oidhche anns an dubhradh, Ghineadh leanabh mic. 4 Biodh an là sin ’na dhorchadas; na h-iarradh Dia e (4) o’n airde, agus na dealraicheadh solus air. 5 Dubhadh an dorchadas agus sgaile a’ bhàis e; gabhadh neul còmhnuidh air; deanadh iad uamhasach e mar na laithean a’s seirbhe (5). 6 An oidhche sin, glacadh dorchadas i; na cuirear i re laithibh na bliadhna; ann an àireamh nam mios na d’thigeadh i. 7 Feuch, biodh an oidhche sin aonaranach (6); na d’thigeadh fonn aoibhinn oirre (7). (1) rinn iad coinneamh re chéile. (2) comh-dhoilgheis. (3) an uair a dh’amhairc iad. (4) na h-amhairceadh Dia air a shon, na biodh seadh aig Dia dheth. (5) cuireadh duibhre an là oillt air. (6) aonarach. (7) na d’thigeadh guth aoibhinn innte. [TD 126] IOB. CAIB. IV. 8 Mallaicheadh iadsan i a mhallaicheas an latha, a tha deas a thogail Lebhiathain (1). 9 Dorchaichear reultan a dùthra (2); amhairceadh i air son soluis, ach na d’thigeadh e; agus na faiceadh i rosga na maidne (3): 10 A chionn nach do dhruid i dorsa mo bhronn (4), agus nach d’fholaich i bròn (5) o m’ shùilibh. 11 C’arson nach d’eug mi o’n bhroinn? c’arson, an uair a thàinig mi as a’ bholg, nach d’thug mi suas an deo? 12 C’ar son a ghabh na glùinean romham? agus c’ar son na cìocha, gu’n deothailinn? 13 Oir a nis luidhinn sìos, agus gheibhinn fois; choidlinn, an sin bhiodh tàmh agam; 14 Maille re rìghribh agus comhairlichibh na talmhainn, a thog àitean aonaranach (6) dhoibh féin; 15 No maille re h-uachdaranaibh aig an robh òr, a lìon an tighean le h-airgiod; 16 No mar thorraicheas anabuich (7) folaichte cha bhithinn ann, mar naoidheana nach faca solus. 17 An sin sguiridh na h-aingidh do bhuaireas (8), agus an sin gheibh iadsan a ta sgith le saothair fois: 18 Cuideachd bithidh tàmh aig na prìosunaich; cha chluinn iad guth an fhir-shàrachaidh. 19 Tha am beag agus am mòr an sin; agus an seirbhiseach saor o mhaighstir. 20 C’arson a thug e do’n truagh solus, agus beatha dhoibhsan a ta ann an searbhas anama? 21 A tha gabhail fadail air son a’ bhàis, ach cha ’n’eil e a’ teachd; agus a chladhaicheas air a shon ni’s mò na airson ionmhasa folaichte: 22 A ni aoibhneas ro-mhòr, a ni luathghaire ’nuair a gheibh iad an uaigh: 23 Do’n duine aig am bheil a shlighe folaichte, agus a dhruid Dia suas air gach taobh. 24 Oir roimh mo bhiadh thig m’osnaich, agus taomar a mach mar uisge mo bhùireadh. 25 Oir an ni roimh an robh eagal mòr orm, thachair e dhomh; agus an ni roimh an robh mi fa uamhann, thàinig e orm. 26 Cha robh mi an sìth, agus cha d’fhuair mi fois, agus cha robh tàmh agam; oir thàinig buaireas (9). CAIB. IV. AN sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e. 2 Ma dh’fheuchas sinn re labhairt riut, an gabh thu gu h-olc e (10)? ach cò a’s urrainn e féin a chumail o labhairt? 3 Feuch, theagaisg thusa mòran, agus neartaich thu na làmhan laga. 4 Esan a bha tuiteam chum do bhriathra suas, agus na glùine anmhunn (11) neartaich thu. 5 Ach a nis thàinig e ort, a- (1) na h-uilebheiste, am bròin. (2) feasgair. (3) briseadh na fàire. (4) bronn mo mhàthar. (5) docair, doilgheas. (6) fàsail. (7) neo-inbhich. (8) aisith. (9) fearg, triobloid. (10) am bi thu doilich. (11) laga, fanna. [TD 127] IOB. CAIB. V. gus ghabh thu gu h-olc e (1); bhean e riut, agus tha thu fa amhluadh. 6 Nach e t’eagal diadhaidh t’earbsadh, agus ionracas do shlighean do dhòchas? 7 Cuimhnich, guidheam ort, cò e an neochiontach a sgriosadh, no c’àit an do ghearradh as na h-ionracain. 8 A réir mar a chunnaic mise, iadsan a threabhas (2) euceart, agus a chuireas aingidheachd, buainidh iad e. 9 Le séideadh (3) Dhé sgriosar iad, agus le anail a shròine cuirear as doibh. 10 Tha beucaich an leòmhain, agus guth an leòmhain ghairg (4), agus fiacla nan leòmhan òg air am briseadh. 11 Tha ’n seann leòmhan a’ bàsachadh dhìth cobhartaich, agus sgarar o chéile cuileana an leòmhain bhoirinn (5). 12 Ach a m’ ionnsuidh-sa thugadh focal (6) gu h-uaignidheach, agus ghabh mo chluas beagan deth. 13 Ann an smuaintibh o aislingibh na h-oidhche, ’nuair a thuiteas codal trom air daoinibh, 14 Thàinig eagal orm agus crith, a thug air mo chnàmha gu léir (7) criothnachadh: 15 Agus ghabh spiorad seachad roimh mo ghnùis; sheas falt mo chuirp. 16 Sheas e, ach cha d’aithnich mi a chruth: dealbh fa chomhair mo shùl——tosd, agus chuala mi guth: 17 Am bi duine ni’s ceirte na Dia? am bi fear ni’s gloine na Chruith-fhear? 18 Feuch, as a sheirbhisich cha’n earb e, agus as leth aingle cuiridh e amaideachd: 19 Nach lugha na sin asda-san (8), a tha ’nan còmhnuidh ann an tighibh creadha, aig am bheil am bunadh anns an duslach, a bhruthar roimh an leomann (9)? 20 O mhaduinn gu feasgar bruthar (10) iad; gun neach ann ’ga thoirt fa’near, théid as doibh gu bràth. 21 Nach siubhail am feodhas air falbh maille riu? bàsaichidh iad, agus cha’n ann le gliocas. CAIB. V. GAIRM a nis, ma ta e ann a fhreagaireas thu: agus cia do na naomhaibh ris an tionndaidh thu? 2 Oir marbhaidh fearg an t-amaideach, agus bheir tnù bàs an duine shuaraich. 3 Chunnaic mi an t-amaideach a’ freumhachadh; ach mhallaich mi àite-còmhnuidh air ball. 4 Is fhad a bhios a mhic o thèaruinteachd, agus bruthar iad anns a’ gheatadh, gun neach ann gu’n teasairginn. 5 Agus ithidh an t-ocrach suas fhoghara, agus eadhon as na droighnibh gabhaidh se e (11): sluigidh an creachadair suas am maoin. 6 Ge nach d’thig àmhghar (1) tha thu a’ fannachadh. (2) dh’aireas. (3) anail, osaig. (4) sachal. Eabh. (5) bhaininn. (6) ni. (7) lìonmhoireachd mo chnàmh. Eabh. (8) Mar an ceudna nach cuir e sin as an leth-san. (9) reudan. (10) sgriosar. (11) 5. Na ghearras iad sìos san fhoghara ithidh an t-ocrach suas; agus o bhioraibh cha saorar iad. [TD 128] IOB. CAIB. V. a mach as an duslach, agus nach fàs carraid (1) as an talamh; 7 Gidheadh, rugadh an duine chum carraid, mar a dh’éireas na srada (2) suas. 8 Ach dh’iarrainnse dh’ionnsuidh Dhé, agus a chum Dhé chuirinn mo ghuth (3): 9 A tha deanamh nithe mòra agus do-rannsaich, nithe iongantach gun àireamh: 10 A tha toirt fhras uisge (4) air aghaidh na talmhainn, agus a’ cur uisgeacha air aghaidh nam machair; 11 A chum iadsan a tha ìosal a chur an aird, agus iadsan a tha dubhach a thogail suas an tèaruinteachd: 12 A tha toirt innleachda nan cuilbheartach gu neo-ni, air chor as nach coimhlion an làmhan an gnìomh: 13 A tha glacadh nan daoine glice ’nan cuilbheartachd (5) féin, air chor as gu tilgear sìos comhairle nan daoine fiara (6). 14 San là coinnichidh iad dorchadas; agus mar anns an oidhche smeuraichidh iad (7) mu mheadhon-là. 15 Ach saoraidh e am bochd o’n chlaidheamh o’m beul (8). agus o làimh a’ chumhachdaich. 16 Agus aig a bhochd bithidh dòchas, agus druididh aingidheachd a beul. 17 Feuch, is nèarachd (9) an duine a smachdaicheas Dia: air cronachadh an Uile-chumhachdaich ma ta na dean-sa tàir. 18 Oir cràdhaidh e, agus ceanglaidh e suas; lotaidh e, agus leighisidh a làmhan. 19 Ann an sè (10) teanntachdaibh (11) saoraidh e thu, agus anns an t-seachdamh cha d’thig olc an gar dhuit. 20 Ann an gorta tearnaidh e thu o’n bhàs; agus ann an cogadh, o chumhachd (12) a’ chlaidheimh. 21 O sgiùrsadh na teanga solaichear thu; agus cha bhi eagal ort roimh sgrios an uair a thig e. 22 Re sgrios agus re gorta (13) gàiridh tu; agus roimh fhiadh-bheathaichibh na talmhainn cha bhi eagal ort. 23 Oir re clachaibh na macharach bithidh tu ann an coimhcheangal; agus bithidh fiadh-bheathaiche na macharach ann an sìth riut. 24 Agus aithnichidh tu gu’m bi do phàilliun ann an sìth, agus amhaircidh tu air t’aitecòmhnuidh, agus cha dean thu gu h-olc (14). 25 Aithnichidh tu mar an ceudna gu’m bi do shliochd lìonmhor, agus do ghineal mar fheur na talmhainn. 26 Thig thu ann an làn aois chum na h-uaighe, mar a chuirear suas cruach (15) arbhair ’na h-àm. 27 Feuch, so an ni a rannsaich sinn; mar sin a ta e: eisd ris, agus biodh fios agad air, air do shon fein. (1) teinn, triobloid. (2) mic an teine. Eabh. (3) re Dia dh’earbainn mo chùis. (4) feurthuinn. (5) ’nan innleachdaibh. Faic. I Cor. Caib. III r. 19. (6) carach, aingidh. (7) re iarraidh fo làimh bithidh iad. (8) o chlaidheamh am beoil. (9) is ro-shona. (10) sea. (11) cruaidh-chasaibh, cuntartaibh. (12) o làmhaibh. Eabh. (13) Mu fhàsachadh agus mu ghorta. (14) cha pheacaich thu. (15) mar a chuirear a stigh adag. [TD 129] IOB. CAIB. VI. CAIB. VI. ACH fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 O nach robh mo dhoilgheas (1) air a làn-chothromachadh, agus mo dhòruinn (2) togta anns na meidhibh le chéile! 3 Oir a nis bhiodh e ni bu truime na gaineamh na fairge: uime sin tha mo bhriathran air an slugadh suas. 4 Oir tha saighdean an Uile-chumhachdaich annam, agus tha an nimh ag òl suas mo spioraid: tha uamhasa Dhé ’gan cur féin an ordugh catha a’m’ aghaidh. 5 An dean am fiadh-asal sitirich os cionn feoir? an dean an damh geum os cionn innlinn? 6 An gabh an ni a ta neo-bhlasta itheadh gun salann? am bheil blas air gealagan an uibhe? 7 Tha m’anam a’ diultadh beantuinn riu: tha iad sin mar mo bhiadh bròin (3). 8 O nach d’thugta dhomh m’athchuinge, agus gu’n deònaicheadh Dia dhomh mo mhiann! 9 Agus gu’m bu toil le Dia mo sgrios; gu’n cuireadh e mach a làmh (4), agus gu’n gearradh e as mi! 10 An sin bhiodh furtachd agam fathast, ge do bhithinn air mo chruadhachadh ann an do-bròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naomha. 11 Ciod e mo neart, gu’m biodh dòchas agam? agus ciod i mo chrìoch, gu’n sìninn mo bheatha? 12 An e neart nan clach mo neart? am bheil m’fheoil do umha? 13 Nach ’eil mo chabhair annam féin? agus an d’fhuadaicheadh gliocas uam? 14 Dha-san a thréigeas a charaid is mòr am masladh e (5); tréigidh e mar an ceudna eagal an Uile-chumhachdaich. 15 Mheall mo bhràithre mi mar shruth: mar neart nan sruth ghabh iad seachad: 16 A bhios dubh le h-eigh; anns am folaichear an sneachda: 17 An uair a leaghas iad, théid as doibh; an uair a dh’fhàsas e teth, caithear as an àit iad. 18 Tha ceuman an slighe air claonadh: thig iad gu neo-ni, agus sgriosar iad. 19 Dh’amhairc buidhnean Thema, dh’fheith cuideachdan (6) Sheba orra. 20 Bha iad fa amhluadh, a chionn roimhe sin gu’n robh dòchas aca: thàinig iad an sin, agus bha nàire orra. 21 Ach a nis tha sibhse ’nar neo-ni; chi sibh mo bhriseadh-cridhe, agus tha eagal oirbh. 22 An dubhairt mi, Thugaibh a’m’ ionnsuidh? no d’ar maoin thugaibh tiodhlacadh air mo shon? 23 No tearnaibh mi o làimh an nàmhaid? no o làimh nan cumhachdach saoraibh mi? 24 Teagaisgibh mi, agus bithidh mi a’m’ thosd; agus ma chaidh mi bheag am mear- (1) m’fhearg. (2) m’olc, m’aingidheachd. (3) d’am bheil mi gabhail gràin. (4) gu’n leigeadh e a làmh sgaoilte. (5) Dha-san a tha ann an àmhghar dlighear truacantas o charaid. (6) luchd-turuis. [TD 130] IOB. CAIB. VII. achd, thugaibh orm a thuigsinn. 25 Nach neartmhor briathra ceart? ach ciod a chronaicheas esan a chronaicheas ’nar measg (1)? 26 An smuainich sibh air briathran a chronachadh, agus cainnt an eu-dòchasaich, a tha mar ghaoith (2)? 27 Seadh, tha sibh a’ leum air an dìlleachdan, agus a’ cladhachadh sluichd d’ar caraid. 28 Anis uime sin, ma’s toil leibh, amhaircibh orm; agus bithidh e soilleir dhuibh, ma ni mi breug. 29 Pillibh, guidheam oirbh, na biodh euceart ann; seadh, pillibh fathast, tha m’fhìreantachd-sa ann. 30 Am bheil ann am theangaidh euceart? nach aithnich mo bhlas nithe fiara. CAIB. VII. NACH ’eil am suidhichte aig an duine air thalamh? agus mar laithean fhir-tuarasdail a laithean? 2 Mar a mhiannaicheas an seirbhiseach an sgàile, agus mar a bhios sùil aig an fhear-tuarasdail re duais oibre; 3 Mar sin fhuair mise mar sheilbh dhomh féin mìosan dìomhanais, agus àirmhear (3) dhomh oidhchean cràidh (4). 4 Ma luidheas mi sìos, their mi, C’uin a dh’éireas mi, agus a théid an oidhche thairis? agus tha mi làn luasgaidh a null agus a nall gu briseadh na fàire. 5 Tha m’fheoil air a còmhdachadh le cnuimhibh agus spairtibh ùire; bhris mo chroicionn, agus tha e breun. 6 Tha mo laithean ni’s luaithe na spàl figheadair, agus tha iad air an caitheadh gun dòchas. 7 Cuimhnich gur gaoth mo bheatha: cha phill mo shùil a dh’fhaicinn maith. 8 Sùil an ti a chunnaic mi, cha’n fhaic i mi: bithidh do shùilean orm, agus cha bhi mi ann. 9 Caithear an neul, is théid e as; mar sin esan a théid sìos do’n uaigh, cha d’thig e nìos. 10 Cha phill e ni’s mò dh’ionnsuidh a thighe; agus cha’n aithnich àit e ni’s mò. 11 Uime sin cha chum mi mo bheul; labhraidh mi ann an teanntachd (5) mo spioraid; gearainidh mi ann an searbhas m’anama. 12 Am muir mi, no muc-mhara (6), gu’n cuireadh tu faire orm? 13 Ma their mi, Bheir mo leaba furtachd dhomh, eutromaichidh m’uirigh mo ghearan; 14 An sin cuiridh tu fuathas orm le h-aislingibh, agus uamhas le seallannaibh. 15 Agus is fearr le m’anam tachdadh, bàs na beatha (7). 16 Tha mi gabhail gràin dith; cha b’àill leam bhi beo gu brath: leig leam, oir is diomhanas mo laithean. (1) ciod a tha bhur comh-reusonachadh a’ cronachadh? (2) air a’ ghaoith an tilg sibh gu faoin bhur cainnt? Faic. Caib. VIII. r. 2. (3) orduichear, suidhichear. (4) oidhchean piantachail, fadalach. (5) cràdh. (6) uile-bheist. (7) cnaimhean slàna; mo chnàmha. Eabh. [TD 131] IOB. CAIB. VIII. 17 Ciod e an duine, gu’n ardaicheadh tu e? agus gu’n suidhicheadh tu do chridhe air? 18 Agus gu’m fiosraicheadh tu e gach maduinn? gach mionaid gu’n dearbhadh tu e? 19 Cia fhad a bhios tu gun dealachadh rium? agus nach leig thu leam gus an sluig mi sìos mo shile? 20 Pheacaich mi; ciod a ni mi dhuit, O fhir-coimhid dhaoine? c’arson a chuir thu mi a t’aghaidh (1), agus a ta mi a’m’ eire (2) orm féin? 21 Agus c’ar son nach maith thu m’eusaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? oir a nis anns an duslach coidlidh mi, agus iarraidh tu mi anns a’ mhaduinn, ach cha bhi mi ann. CAIB. VIII. AN sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e, 2 Cia fhad a labhras tu mar sin, agus a bhios briathra do bheoil mar ghaoith làidir? 3 Am fiar Dia breitheanas, agus am fiar an t-Uile-chumhachdach ceartas? 4 Ma pheacaich do chlann ’na aghaidh, agus gu’n d’thug e thairis iad do’n eusaontas (3); 5 Nan iarradh tu gu moch a dh’ionnsuidh Dhé, agus air an Uile-chumhachdach nan aslaicheadh tu; 6 Nam biodh tu glan agus ionraic, gu cinnteach a nis mhosgaileadh e air do shon, agus dheanadh e àite-còmhnuidh t’fhìreantachd sìochail: 7 Ge do bhiodh do thoiseach beag, dh’fhàsadh do chrìoch gu mòr. 8 Oir fiosraich, guidheam ort, do’n linn roimhe, agus deasaich thu féin chum rannsachaidh an aithriche. 9 (Oir o’n dé tha sinne, agus cha ’n aithne dhuinn, a chionn gur sgàile ar laithean air thalamh) 10 Nach teagaisg iad thu, nach innis iad duit, agus o’n cridhe nach labhair iad briathra? 11 Am fàs an luachair gun làthach? am fàs am mìn-fheur (4) gun uisge? 12 ’Nuair a bhios e fathast ’na ghlaise (5), cha ghearrar sìos e; gidheadh, roimh gach luibh seargaidh e. 13 Mar sin ceuma nan uile a dhi-chuimhnicheas Dia: agus bàsaichidh dòchas a’ chealgair; 14 Aig an gearrar a dhòchas as, oir is e lìon (6) an damhain-allaidh earbsa. 15 Leigidh e thaic re thigh, ach cha seas e: cumaidh se gu daingean e, ach cha mhair e. 16 Uaine tha e fa chomhair na gréine, agus ’na lios (7) fàsaidh a mheanglan suas. 17 Air a’ charn bithidh a fhreumhan air am figheadh air feadh a chéile, agus fiosraichidh e àit nan clach (8). 18 Ma ghearras e as (9) o àit (1) c’arson a chuir thu fa d’ chomhair mar chuspair mi? (2) a’m’ eallaich. (3) chuir e iad ann an làimh an eusaontais. Eabh. (4) an gall-sheilisdeir, feur a’ chladaich. Faic. Gen. Caib. XLI. r. 2. (5) ’na ghuirme, uaine. (6) tigh. Eabh. (7) ghàradh. (8) chi e tigh nan clach. Eabh. (9) Ma sgriosar. [TD 132] IOB. CAIB. IX. e, an sin àicheadhaidh se e, ag ràdh, Cha’n fhaca mi thu. 19 Feuch, is e so aoibhneas a shlighe-san: ach as an ùir fàsaidh aon eile. 20 Feuch, cha tilg Dia air falbh an duine foirfe, agus cha ghabh e greim do làimh nan daoine aingidh: 21 Gus an lìon e do bheul le gàire, agus do bhilean le gairdeachas. 22 Iadsan a dh’fhuathaicheas thu, còmhdaichear iad le nàire; agus cha bhi pàilliun nan aingidh ann. CAIB. IX. AGUS fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 Gu deimhin tha fhios agam gu bheil e mar sin: oir cionnas a shaoras duine e féin (1) aig Dia? 3 Mas àill leis a chùis a thagradh ’na làthair (2), cha fhreagair se e aon uair as a’ mhìle. 4 Glic an cridhe, agus treun an neart, cò a chruaidhich e féin ’na aghaidh, agus a shoirbhich? 5 A dh’atharraicheas na beannta, agus cha bhi fios ac’ air; a thilgeas bun os cionn iad ’na fheirg: 6 A chrathas an talamh as àit, agus criothnaichidh a phuist: 7 A dh’àithneas do’n ghréin, agus cha’n éirich i; agus air na reultaibh a chuireas seula: 8 A sgaoileas a mach na nèamha ’na aonar, agus a shaltaireas air tonnaibh na fairge: 9 A tha deanamh Arcturuis (3), Orioin (4), agus Phleiades (5), agus sheòmraiche na h-airde deas: 10 A tha deanamh nithe mòra, nach bi e ’n comas fhaghail a mach, agus nithe iongantach nach gabh àireamh. 11 Feuch, théid e seachad orm, agus cha ’n fhaic mi e; agus gabhaidh e thairis, ach cha mhothaich mi e. 12 Feuch, ma bheir e air falbh, cò a bhacas e (6)? cò a their ris, Ciod a tha thu a’ deanamh? 13 Cha tionndaidh Dia air falbh fhearg: fuidhe cromaidh fir-chuideachaidh an ardain. 14 Nach ro-lugha na sin a fhreagaireas mise e, a thaghas mi mo bhriathra ris? 15 Oir ge do bhithinn ionraic (7), cha fhreagairinn e; air mo bhreitheamh dh’aslaichinn. 16 Nan gairminn, agus gu’m freagaireadh e mi, cha chreidinn (8) gu’n d’éisd e re m’ ghuth: 17 Oir le doinionn tha e ’gam bhruthadh, agus a’ deanamh mo lot lìonmhor gun aobhar. 18 Cha leig e leam m’anail a tharruing, ach lìonaidh e mi le searbhas (9). 19 Ma labhrar mu neart, feuch, tha e làidir; agus ma labhrar mu bhreitheanas, cò a shuidhicheas àm (10) air mo shon? 20 Ma dh’fhìreanaicheas mi (1) a bhios duine ceart? (2) Ma ni e strì ris. (3) Has. Eabh. (4) Chesil. Eabh. (5) nan seachd rionnag; Chima. Eabh. (6) ma bheir e leis, cò a bheir air aiseag? (7) ceart, cothromach, neo-chiontach. (8) is gann a chreidsinn. (9) le searbhasaibh. (10) àm-tagraidh. [TD 133] IOB. CAIB. X. mi féin, dìtidh mo bheul féin mi, agus foirfe ma ni mi mi féin, nochdaidh e fiar mi. 21 Foirfe ge do bhithinn, cha’n aithnichinn e; a’m’ anam (1) dheanainn tàir air mo bheatha. 22 Is aon ni e: uime sin thubhairt mi, Am foirfe agus an t-aingidh tha e a’ sgrios. 23 Ma mharbhas an t-slat gu h-obann, re deuchainn nan neo-chiontach gàiridh e. 24 Thugadh an talamh an làimh an aingidh: aghaidhean a bhreitheamhna còmhdaichidh e: mar dean e mar so, c’àit, cò esan a ni? 25 Bha mo laithean ni bu luaithe na gille-ruithe: theich iad air falbh, cha’n fhac iad maith. 26 Ghabh iad seachad mar na longaibh luatha, mar an iolaire a’ dol air iteig (2) a chum cobhartaich. 27 Ma their mi, Di-chuimhnichidh mi mo ghearan, leigidh mi dhìom mo dhubhachas (3), agus bheir mi comhfhurtachd dhomh féin; 28 Tha eagal orm roimh mo dhoilgheasaibh uile; tha fios agam nach meas thu neo-chiontach mi. 29 Ma bhios mi aingidh (4), c’ar son ma ta a shaothraichinn gu dìomhain? 30 Ma nigheas mi mi féin ann an uisgibh sneachdaidh, agus ma ghlanas mi gu glan mo làmha; 31 An sin tumaidh tu mi san t-slochd (5), agus gabhaidh m’eudach féin gràin dìom. 32 Oir cha duine e mar a ta mise, gu’m freagairinn e, gu’n d’thigeamaid cuideachd gu breitheanas. 33 Cha ’n’eil fear-réite (6) eadaruinn, a chuireadh a làmh oirnn le chéile. 34 Thugadh e air falbh a shlat dhìom, agus na cuireadh eagal roimhe uamhas orm. 35 An sin labhrainn, agus cha bhiodh eagal orm roimhe: ach cha ’n’eil mi mar sin agam féin (7). CAIB. X. THA m’anam sgìth do m’ bheatha; fàgaidh mi mo ghearan orm féin; labhraidh mi ann an searbhas m’anama. 2 Their mi re Dia, Na dìt mi; thoir fios domh c’ar son a tha thu a’ cur a’m’ aghaidh. 3 Am maith leat gu’n sàraicheadh tu, gu’n deanadh tu tàir air obair do làmh? agus gu’n dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh? 4 Am bheil sùilean seòla agad? an ann mar a chi duine, a chi thusa? 5 An ann mar laithibh duine a tha do laithean-sa? am bheil do bhliadhnacha mar laithibh duine, 6 Gu’n sireadh tu air son (8) m’euceirte, agus gu’n rannsaicheadh tu air son mo pheacaidh? 7 Tha fhios agad nach d’rinn mi gu h-aingidh: agus cha (1) Foirfe ge do bhithinn, cha’n aithnichinn m’anam. (2) mar an iolaire a dh’itealaicheas. (3) mo thuirse; mo ghnùis. Eabh. (4) ciontach. (5) san t-salchar, san dìg. (6) fear-tagraidh, fear-eadraiginn, breitheamh. (7) ni h-ann mar sin a ta e agamsa. (8) an déigh. [TD 134] IOB. CAIB. XI. ’n’eil neach ann a shaoras o d’ làimh. 8 Shaothraich do làmha-sa mi, agus rinn iad mi comhcheart mu’n cuairt; agus an sgrios thu mi? 9 Cuimhnich, guidheam ort, gur ann mar chriadh a rinn thu mi; agus gu duslach an tionndaidh thu mi a rìs? 10 Mar bhainne nach do thaom thu mi mach, agus mar chàise nach do dhaingnich thu mi? 11 Le croicionn agus le feoil chòmhdaich thu mi, agus le cnàmhaibh agus féithibh-luthaidh dhìon (1) thu mi. 12 Beatha agus caoimhneas dheònaich thu dhomh, agus choimhid do fhreasdal (2) mo spiorad. 13 Agus na nithe so dh’fholaich thu a’d’ chridhe: tha fios agam gu bheil so agad (3). 14 Ma pheacaicheas mi, bheir thu fa’near mi, agus o m’euceart cha saro (4) thu mi. 15 Ma bhios mi aingidh, mo thruaigh mi! agus ma bhios mi ionraic, cha tog mi mo cheann. Làn maslaidh (5) a ta mi, agus faic féin m’àmhghar; 16 Oir tha e a’ meudachadh: mar leòmhan garg tha thu a’ sealg orm; agus a rìs tha thu ’gad nochdadh féin iongantach orm (6). 17 Tha thu ag ath-nuadhachadh t’fhianaisean a’m’ aghaidh, agus a’ meudachadh do chorruich rium; tha caochlaidh agus cogadh a’m’ aghaidh. 18 C’arson ma ta a thug thu mach as a’ bhroinn mi? Och nach d’thug mi suas an deò, gun sùil ’gam fhaicinn! 19 Bhithinn mar nach bhithinn ann; o’n bhroinn a dh’ionnsuidh na h-uaighe bhithinn air mo ghiùlan. 20 Nach tearc mo laithean? sguir ma ta, agus leig leam, agus gu faigh mi beagan comhfhurtachd; 21 Mun siubhail mi, agus nach pill mi tuilleadh, gu tìr an dorchadais agus sgàile a’ bhàis; 22 Tìr dorchadais mar dhuibhse re sgàile a’ bhàis, agus as eugmhais gach riaghailt, agus far am bheil an solus mar dhorchadas (7). CAIB. XI. AN sin fhreagair Sophar an Naamatach, agus thubhairt e, 2 Do lìonmhoireachd bhriathar nach d’thoirear freagradh? agus an saorar fear na mòr bhruidhne? 3 An d’thoir do bhreugan-sa air daoinibh a bhi ’nan tosd? agus an uair a ni thu fanoid, nach cuir duin’ air bith nàir ort? 4 Oir thubhairt thu, Glan a ta mo theagasg, agus neo-chiontach (8) tha mi ann ad shùilibh. 5 Ach, O nach labhradh Dia, agus nach fosgaileadh e a bhilean riut (9); 6 Agus nach nochdadh e (1) neartaich. (2) t’fhiosrachadh. (3) a’t’aigne. (4) cha ghlan. (5) amhluaidh. (6) tha do làmh iongantach trom orm. (7) agus a bhios dorcha mar an dorchadas féin. (8) glan. (9) a’t’aghaidh. [TD 135] IOB. CAIB. XII. dhuit nithe dìomhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na ta ann (1)! Biodh fios agad uime sin gu bheil Dia ’gad agairt air son t’euceirte (2). 7 An urrainn thusa le rannsachadh Dia fhaghail a mach? an urrainn thu an t-Uile-chumhachdach fhaghail a mach gu h-iomlan? 8 Ard mar na nèamha; ciod a ni thu? ni’s doimhne na ifrinn; ciod is aithne dhuit? 9 Ni’s faide na’n talamh a thomhas, agus ni’s leithne na’n fhairge. 10 Ma ghearras e as (3), no ma dhùineas e suas, no ma chruinnicheas e re chéile, cò a bhacas e? 11 Oir is aithne dha daoine faoine (4); agus an uair a chì e euceart, nach d’thoir e fa’near i? 12 Agus b’àill leis an duine fholamh (5) a bhi glic, ge d’ is ann mar loth asail fhiadhaich a bheirear duine. 13 Ma dheasaicheas tu do chridhe, agus gu’n sìn thu d’a ionnsuidh do làmhan, 14 Ma bhios euceart a’d’ làimh, cuir fada uait i, agus na leig le aingidheachd còmhnachadh a’d’ phàilliunaibh. 15 Oir an sin togaidh tu suas do ghnùis gun smal, agus bithidh tu seasmhach, agus cha bhi eagal ort. 16 Oir di-chuimhnichidh tu do dhocair (6); mar na h-uisgibh a chaidh seachad cuimhnichidh tu i. 17 Agus ni’s soilleire na meadhon-là fàsaidh t’aois; ge d’ robh thu ann an dorchadas, mar a’ mhaduinn bithidh tu. 18 Agus earbaidh tu (7), oir bithidh dòchas agad; agus cladhaichidh tu, [agus] gu téaruinte gabhaidh tu tàmh. 19 Agus an uair a luidheas tu sìos, cha chuir neach air bith eagal ort; agus iarraidh mòran do ghnùis. 20 Ach fàilnichidh sùilean nan aingidh; agus dol as cha bhi aca; agus bithidh an dòchas mar thoirt suas an deò. CAIB. XII. AGUS fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 Cha ’n’eil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse bàsaichidh gliocas. 3 Ach agamsa tha tuigse (8), mar a ta agaibhse (9); cha’n ìsle mise na sibhse: agus cò aig nach ’eil fios air an leithide sin? 4 Mar neach a ta ’na bhall-magaidh aig a charaid tha mise, a ghairmeas air Dia, agus freagraidh se e: ’Na bhall-fochaid tha an duine ceart ionraic. 5 Mar lòchran fuidh thàir ann an smuaintibh an ti a ta aig fois, bithidh esan a bhios ullamh (10) gu sleamhnachadh le chois. 6 Sìochail bithidh pàilliuna chreachadairean; agus tèaruinte bithidh iadsan a bhrosnaicheas Dia; d’an d’thug Dia ni ’nan làimh. (1) na ta air am foillseachadh do dhaoinibh. (2) gur lugha a tha Dia a’ togail uait na tha t’euceart a’toilltinn. (3) Ma chaochaileas e. (4) breugach. (5) fhàs, fhaoin. (6) do thruaighe. (7) bithidh tu tèaruinte. (8) cridhe. Eabh. (9) co-maith ribhse. (10) ealamh. [TD 136] IOB. CAIB. XIII. 7 Ach feòraich a nis do na h-ainmhidhibh, agus teagaisgidh iad thu, agus do eunlaith nan speur, agus innsidh iad duit: 8 No labhair ris an talamh, agus teasgaisgidh e thu: agus cuiridh iasg na mara an céill duit. 9 Cò aig nach ’eil fios a thaobh nan nithe so uile, gur i làmh an Tighearna a rinn so? 10 Aig am bheil ’na làimh anam gach ni beò, agus anail gach uile fheòla dhaoine. 11 Nach dearbh a’ chluas briathra, agus nach blais am beul a bhiadh? 12 Anns na h-aosda tha gliocas, agus am fad laithean tuigse. 13 Maille ris-san tha gliocas agus neart; aige-san tha comhairle agus tuigse. 14 Feuch, brisidh e sìos, agus cha togar suas: druididh e suas duine, agus cha’n fhosgailear. 15 Feuch, cumaidh e na h-uisgeachan air an ais, agus tiormaichidh iad suas; agus cuiridh e mach iad, agus tilgidh iad bun os cionn an talamh. 16 Aige-san tha neart agus gliocas: is leis-san esan a mheallar, agus esan a mheallas. 17 Cuiridh e air falbh comhairlich creachta, agus do bhreitheamhnaibh ni e amadain. 18 Cuibhreach righre sgaoilidh e, agus crioslaichidh e crios air an leasraibh. 19 Cuiridh e air falbh uachdarain (1) creachta, agus tilgidh e sìos na cumhachdaich. 20 Atharraichidh e cainnt nam firinneach, agus bheir e air falbh tuigse nan aosmhor. 21 Taomaidh e tàir air ard-uaislibh (2), agus anmhunnaichidh e neart nan daoine treuna. 22 Taisbeanaidh e nithe doimhne a dorchadas, agus bheir e sgàile a’ bhais gu solus. 23 Meudaichidh e na cinnich, agus sgriosaidh se iad: fairsingichidh e na cinnich, agus cumhangaichidh se iad. 24 Bheir e air falbh cridhe cheannard sluaigh na talmhainn, agus cuiridh e air seacharan iad ann am fàsach as eugmhais slighe. 25 Smeuraichidh iad san dorchadas, agus iad gun solus; agus bheir e orra tuisleachadh mar dhuine air mhisg (3). CAIB. XIII. FEUCH, chunnaic mo shùil so uile; chuala mo chluas, agus mhothaich (4) i e. 2 Mar is aithne dhuibhse, is aithne dhomhsa mar an ceudna: cha ’n ìsle mise na sibhse. 3 Ach labhrainnse ris an Uile-chumhachdach, agus b’àill leam tagradh (5) re Dia: 4 Oir is luchd cumadh (6) bhreug sibhse, léighean nach fiu sibh uile. 5 O nach robh sibh gu tur ’nar tosd! agus b’e sin bhur gliocas. 6 Cluinnibh a nis mo thagradh (7), agus éisdibh re deasboireachd mo bhilean. 7 An labhair sibh gu h-aingidh airson Dhé? agus air a (1) sagairt. (2) uachdaranaibh, ceannardaibh. (3) mheisg. (4) thuig. (5) reusonachadh. (6) luchd dhealbh. (7) m’achmhasan. [TD 137] IOB. CAIB. XIV. shon-san an labhair sibh gu cealgach? 8 An gabh sibh r’a ghnùis (1)? airson Dhé an dean sibh comh-stri? 9 Am bheil e maith gu’n rannsaicheadh e mach sibh? mar a nìthear fanoid air duine, an dean sibh fanoid air-san? 10 Gu cinnteach cronaichidh e sibh, ma ghabhas sibh an uaignidheas re gnùis. 11 Nach cuir òirdheirceas-san eagal oirbh? agus nach tuit uamhann-san oirbh? 12 Tha bhur cuimhne cosmhuil re luaithre, mar chuirp creadha bhur cuirp. 13 Bithibh ’nar tosd a m’ thaobh-sa, agus labhraidh mi, agus thigeadh (2) orm na dh’fheudas. 14 C’arson a tha mi gabhail m’fheòla a’m’ fhiaclaibh, agus a’ cur mo bheatha a’m’ làimh (3)? 15 Ge do mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as (4): ach tagraidh (5) mi mo shlighean ’na fhianais. 16 Mar an ceudna bithidh e dhomsa chum slàinte; oir cha d’thig cealgair ’na làthair (6)? 17 Eisdibh gu furachar re m’ chainnt, agus re m’ sgeul le’r cluasaibh. 18 Feuch, a nis chuir mi mo chùis an ordugh: tha fios agam gu’n saorar mi. 19 Cò esan a thagras rium? oir a nis ma bhitheas mi a’m’ thosd, bheir mi suas an deò. 20 Amhàin dà ni na dean rium; an sin o d’ ghnùis cha ’n fholaich mi mi féin. 21 Tarruing do làmh fad uam? agus na cuireadh t’uamhann eagal orm. 22 An sin gairm thusa, agus freagraidh mise: no labhraidh mise, agus freagair thusa mi. 23 Cia lìonmhor m’eucearta agus mo pheacanna? air m’eusaontas agus mo pheacadh thoir fios domh. 24 C’arson a tha thu a’ folachadh do ghnùise, agus ’gam mheas mar nàmhaid duit? 25 Am bris thu an duilleag a thilgear a null agus a nall? agus an ruaig thu an asbuain thioram? 26 Oir tha thu a’ scrìobhadh nithe searbha a’m’ aghaidh, agus a’ toirt orm eucearta m’òige a shealbhachadh. 27 Agus tha thu a’ cur mo chos anns a’ cheap, agus a’ geur-amharc air mo shlighibh gu léir, agus a’ cur chomhar air bonnaibh mo chos. 28 Agus mar ni breun cuirear as da (7), mar thrusgan a dh’itheas an leomann (8). CAIB. XIV. THA’N duine a rugadh o mhnaoi, gearr-shaoghalach (9), agus làn àmhghair. 2 Mar bhlàth thig e mach, agus gearrar sìos e: agus teichidh e mar sgàile, agus cha’n fhan e. 3 Gidheadh air a leithid sin dh’fhosgail thu do shùilean; a- (1) Am bi sibh leth-bhretheach air a thaobh-san? (2) gabhadh thairis. (3) ann an cuntart. (4) cha ’n’eil dùil agam re ni eile. (5) dearbhaidh, seasaidh. (6) ’na shlàinte dhomhsa, ge nach d’thig cealgair ’na làthair. (7) domh. (8) an reudan, a’ chnuimh. (9) air bheag laithean. [TD 138] IOB. CAIB. XV. gus mise tha thu a’ tabhairt gu breitheanas maille riut. 4 Cò a bheir glan a neo-ghlan? cha tabhair a h-aon. 5 Gu deimhin tha (1) a laithean suidhichte, tha àireamh a mhìos agadsa; dh’orduich thu a chrìocha, agus cha d’théid e thairis orra. 6 Tionndaidh uaith chum gu bi fois aige, gus an coimhlion e mar fhear-tuarasdail a latha. 7 Oir tha dòchas a craoibh, ma ghearrar sìos i, gu’m fàs i arìs, agus nach fàilnich a faillean (2) òg. 8 Ge d’fhàs a freumh sean anns an talamh, agus anns an ùir ge do bhàsaich a stoc; 9 Trìd fhàile an uisge ùr-fhàsaidh si, agus bheir i mach geuga mar òg-chraoibh. 10 Ach bàsaichidh fear, agus théid gu tur as da; agus bheir duine suas an deò, agus c’àit am bheil e? 11 Fàilnichidh na h-uisgeacha o’n mhuir, agus caithear an abhuinn, agus tiormaichidh i suas (3): 12 Mar sin luidhidh an duine sìos, agus cha’n éirich e; gus nach bi na nèamha ann, cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an codal iad. 13 Och nach folaicheadh tu mi anns an uaigh, nach gleidheadh tu mi an uaignidheas, gus am biodh t’fhearg thairis! nach suidhicheadh tu dhomh àm àraidh, agus gu’n cuimhnicheadh tu mi! 14 Ma bhàsaicheas duine, an d’thig e beò? uile laithean m’aimsire suidhichte feithidh mi, gus an d’thig ma chaochladh. 15 Gairmidh (4) tusa, agus freagraidh mise thu: air obair do làmh bithidh déigh agad. 16 Oir a nis tha thu ag àireamh mo cheum: agus nach ’eil thu re faire air mo pheacadh? 17 Seulaichte ann an ceanglachan tha m’eusaontas, agus fuaighidh tu suas m’euceart. 18 Agus gu deimhin tuitidh a’ bheinn, agus théid as d’i; agus atharraichear a’ charraig as a h-àit. 19 Caithidh na h-uisgeacha na clacha: bheir thu tuil air na nithibh a dh’fhàsas a h-ùir na talmhainn, agus sgriosaidh tu dòchas an duine. 20 Buadhaichidh tu gu bràth ’na aghaidh, agus siubhlaidh e: caochailidh tu a ghnùis, agus cuiridh tu air falbh e. 21 Urramach fàsaidh a mhic, agus cha bhi fios aig air; agus ìslichear iad, ach cha d’thoir e fa’near iad (5). 22 Ach bithidh fheoil an taobh a stigh dheth (6) cràiteach, agus ni anam an taobh a stigh dheth bròn. CAIB. XV. AN sin fheagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e, 2 An luadh duine glic air eòlas na gaoithe (7), agus an lìon e a chliabh leis a’ ghaoith an ear? (1) A thaobh gu bheil. (2) meanglan. (3) Faic Isaiah Caib. XIX. r. 5. (4) Goiridh. (5) cha mhothaich e sin d’an taobh. (6) air a shon féin. (7) eòlas faoin. [TD 139] IOB. CAIB. XV. 3 An tagair e le briathraibh gun tairbhe, agus le cainnt leis nach dean e maith? 4 Seadh, tha thu a’ tilgeadh dhìot eagail (1), agus a’ leigeadh urnuigh dhìot an làthair Dhé. 5 Oir teagaisgidh t’aingidheachd do bheul (2), agus ròghnaichidh tu teanga nan cuilbheartach. 6 Dìtidh do bheul féin thu, agus cha mhise; agus bheir do bhilean féin fianuis a’t’ aghaidh. 7 An tusa an ceud duine a rugadh: no roimh na cnocaibh an do rinneadh thu? 8 An cuala tu bheag ann an comhairle dhìomhair Dhé? agus a t’ionnsuidh féin a mhàin an do tharruing thu gliocas (3)? 9 Ciod is aithne dhuitse, nach aithne dhuinne? a thuigeas tusa, nach tuig sinne (4)? 10 Tha araon an ceann-liath agus an t-aosmhor ’nar measg-ne, ni’s sine gu mòr na t’athair. 11 Am beag leat sòlasa Dhé? agus am bheil ni dìomhair agad (5)? 12 C’arson a tha do chridhe ’gad thoirt air falbh? agus c’arson a tha do shùilean a’ caogadh? 13 Gu bheil thu a’ tionndadh do spioraid an aghaidh Dhé, agus a’ leigeadh an leithide sin do bhriathraibh a mach as do bheul? 14 Cò e an duine, gu’m biodh e glan? agus gu’n saoradh esan e féin, a rugadh o mhnaoi? 15 Feuch, as a naomhaibh cha’n earb e; agus cha ’n’eil na nèamha glan ’na shùilibh. 16 Nach gràineile agus nach sailche gu mòr an duine, a dh’òlas euceart mar uisge? 17 Innsidh mi dhuit, éisd rium; agus na chunnaic mi, cuiridh mi ’n céill; 18 A dh’aithris daoine glice, agus nach do cheil an aithriche orra (6): 19 D’an d’thugadh ’nan aonar an talamh, agus cha d’imich coigreach ’nam measg. 20 Rè a laithean uile cràdhar an t-aingidh; agus solaichear àireamh a bhliadhnan air an fhear-shàrachaidh. 21 Tha fuaim eagalach ’na chluasaibh: ’na shoirbheachadh thig am fear-millidh air. 22 Cha chreid e gu’m pill e as an dorchadas; agus feithear air leis a’ chlaidheamh. 23 Tha se ag imeachd mu’n cuairt airson arain, ag ràdh, C’àit am bheil e? tha fios aige gu bheil latha an dorchadais deas aig a làimh. 24 Cuiridh teanntachd agus àmhghar (7) uamhas air: buadhaichidh iad air, mar righ deas a chum catha. 25 Oir sìnidh e mach a làmh an aghaidh Dhé, agus an aghaidh an Uile-chumhachdaich neartaichidh se e féin. 26 Ruithidh e air, air a mhuineal, air copaibh tiugha a sgiath; (1) eagail dhiadhaidh. (2) nochdaidh do bheul t’aingidheachd. (3) a t’ionnsuidh féin an d’thoir thu air falbh gliocas, riut féin a mhàin an cum thu gliocas? (4) nach ’eil againne. Eabh. (5) an d’fholaich e focal agad. (6) dh’aithris daoine glice o’n aithrichibh, agus nach do cheil iad. (7) cruaidh-chas? [TD 140] IOB. CAIB. XVI. 27 A chionn gu’n do chòmhdaich e a ghnùis le a shult (1), agus gu’n d’rinn e fillean (2) saille air a leasraidh. 28 Agus còmhnuichidh e ann am bailtibh fàsaichte (3), ann an tighibh nach ’eil air an àiteachadh, a tha ullamh gu bhi ’nan carnaibh. 29 Cha bhi e beartach, agus cha mhair a mhaoin; agus cha sìn e mach a fhreumh san talamh (4). 30 Cha triall e a dorchadas; tiormaichidh lasair a mhean-glan (5); agus siubhlaidh e le anail a bheoil. 31 Na h-earbadh esan a mheallar a dìomhanas, oir dìomhanas bithidh aige mar luaigheachd. 32 Roimh a là coimhlionar e; agus cha bhi a gheug uaine. 33 Crathaidh e dheth mar an fhìonain fhìon-dhearcan anabaich, agus tilgidh e dheth mar an crann-olaidh a bhlàth. 34 Oir bithidh coi’-thional nan cealgair aonarach, agus caithidh teine pàilliuna na duaisbhratha (6). 35 Ginidh iad donas, agus beiridh iad droch-bheart (7), agus ulluichidh an com cealg. CAIB. XVI. Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 Chuala mi mòran d’an leithidibh sin: is luchd-comhfhurtachd truagh sibh uile. 3 Am bi crìoch air briathraibh gaoithe (8)? no ciod a tha toirt an dànadais duit gu bheil thu a’ freagairt? 4 Dh’fheudainnse mar an ceudna labhairt cosmhuil ribhse: nam biodh bhur n-anam an àit m’anama-sa, dh’fheudainn briathra chur cuideachd ’nar n-aghaidh, agus mo cheann a chrathadh ribh: 5 [Ach] neartaichinn sibh le m’ bheul, agus lughdaicheadh gluasad mo bhilean bhur doilgheas. 6 Ge do labhair mise, cha lughdaichear mo dhoilgheas; agus ma bhios mi a’m’ thosd, ciod am fuasgladh a gheibh mi? 7 Ach a nis sgìthich e mi: sgap thu (9) mo chuideachd uile. 8 Agus rinn thu mi làn phreasag-eudain (10); mar fhianais tha sin: agus dh’éirich mo chaoile a’m’ aghaidh (11); re m’eudan freagraidh i. 9 Reub a chorruich mi (12), agus tha fuath aige dhomh: chas e fhiaclan rium; tha mo nàmhaid a’ geurachadh a shùl orm. 10 Chas iad am beul rium; le masladh bhuail iad mo ghiala; cuideachd chruinnich iad a’m’ aghaidh. 11 Thug Dia mi thairis do’n aindiadhaidh, agus an làimh nan aingidh thilg e mi. 12 An sìth bha mi, ach phronn e mi: agus rug e air (1) reamhrad. (2) staoigean. (3) fàsail. (4) cha sìn e an coimhliontachd air an talamh; cha chuir e mach sgàile air an talamh. (5) fhaillean. (6) duais na h-eucorach. (7) dìomhanas. (8) briathraibh faoin. (9) rinn thu aonaranach. (10) chasadh. (11) annam. (12) Reub e mi ’na fheirg. [TD 141] IOB. CAIB. XVII. mo mhuineal, agus chrath e as a chéile mi, agus chuir e suas mi dha féin mar chuspair. 13 Tha a luchd-shaighead (1) ’gam chuartachadh air gach taobh: sgoiltidh e m’airnean o chéile, agus cha chaomhain e; taomaidh e mach mo dhomblas air an talamh. 14 Brisidh e mi le briseadh air bhriseadh; ruithidh e orm mar churaidh (2). 15 Dh’fhuaigh mi saic-eudach air mo chroicionn, agus shalaich mi m’adharc san duslach. 16 Tha m’eudan air a h-atadh (3) le gal (4), agus air mo rosgaibh (5) tha sgàile a’ bhàis; 17 Cha ’n’ann airson euceirt a’m’ làmhaibh: mar an ceudna tha m’urnuigh glan. 18 A thalamh, na còmhdaich thusa m’fhuil, agus na biodh àit aig mo ghlaodh. 19 Mar an ceudna nis, feuch, anns na nèamhaibh tha m’fhianuis, agus esan a bheir teisteas orm anns na h-airdibh. 20 A’fanoid orm tha mo chàirdean: chum Dhé tha mo shùil a’ taomadh dheur. 21 O nach feudadh duine tagradh re Dia, mar a thagras mac an duine r’a choimhearsnach (6)! 22 An uair a thig beagan do bhliadhnaibh, an sin san t-slighe air nach pill mi siubhlaidh mi. CAIB. XVII. THRUAILLEADH m’anail; ghearradh as mo laithean; tha na h-uaighean air mo shon-sa. 2 Nach ’eil luchd-fanoid maille rium? agus ’nam brosnachadh nach ’eil mo shùil a’ buanachadh. 3 Cuir sìos a nis, thoir dhomh urras maille riut: cò esan a ghlacas mo làmh? 4 Oir dh’fholuich thu an cridhe o thuigse: uime sin cha ’n ardaich thu iad. 5 Esan a ni miodal r’a chairdibh (7), fàilnichidh sùilean a chloinne. 6 Agus rinn e mi a’m’ ghnàth-fhocal an t-sluaigh; agus tha mi mar bhall-fochaid rompa (8). 7 Agus dhorchaich mo shùil le bròn (9), agus tha mo bhuill uile mar sgàile. 8 Bithidh uamhas air na h-ionracain airson so; agus dùisgidh (10) an neo-chiontach an aghaidh a’ chealgair. 9 Agus cumaidh an duine cothromach a shlighe; agus gheibh esan a ta glan ’na làmhaibh tuilleadh neirt. 10 Ach air bhur son-sa uile, pillibh agus thigibh a nis; agus cha ’n fhaigh mi duine glic ’nar measg. 11 Chaidh mo laithean thairis, bhriseadh mo smuainte (11) air falbh, seilbh (12) mo chridhe. 12 An oidhche tionndadh- (1) a shaighde. (2) mar shamhair. (3) salchadh. (4) gul, caoineadh. (5) air fàbhraidhibh mo shùl. (6) tagradh air son duine re Dia, mar a thagras duine air son a choimhearsnaich. (7) a gheallas creach d’a chairdibh. (8) roimhe bha mi mar thiompan. (9) doilgheas, ardan. (10) dùisgear. (11) rùna. (12) smuainte. [TD 142] IOB. CAIB. XVIII. aidh iad gu là: tha’n solus gaoraid a thaobh dorchadais. 13 Ma dh’fheitheas mi, is i’n uaigh mo thigh: san dorchadas rinn mi mo leaba. 14 Re truaillidheachd thubhairt mi, Is tu m’athair; ris a’ chnuimh, Is tu mo mhàthair, agus mo phiuthar. 15 Agus c’àit a nis am bheil mo dhòchas (1)? seadh, mo dhòchas-sa, cò chi e? 16 Gu crannaibh an t-sluichd théid iad sìos: an sin bithidh ar fois cuideachd anns an duslach. CAIB. XVIII. AN SIN fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e, 2 Cia fhada gus an cuir sibh crìoch air briathraibh? tuigibh (2), agus ’na dhéigh sin labhramaid. 3 C’ar son a mheasar sinne mar ainmhidhibh, agus a tha sinn tàireil (3) a’d’ shùilibh-sa? 4 Tha e a’ reubadh anama ’na chorruich! air do shon-sa an tréigear an talamh? agus an atharraichear a’ charraig as a h-àit? 5 Seadh, cuirear solus an aingidh (4) as; agus cha dealraich lasair (5) a theine. 6 Dorchaichear an solus ’na phàilliun, agus cuirear as a lòchran aige. 7 Cumhaingichear ceuman a neirt, agus tilgidh a chomhairle féin sìos e: 8 Oir cuirear ann an lìon e le a chosaibh féin (6), agus air ribe (7) imichidh e. 9 Glacaidh an cord air shàil e; buadhaichidh am fear-reubainn ’na aghaidh. 10 Foluichte anns an talamh tha ribe air a shon, agus inneal-glacaidh air a shon air an t-slighe. 11 Air gach taobh cuiridh uamhasan eagal air, agus fuadaichidh iad air a chosaibh e. 12 Bithidh a neart air a chlaoidh le h-ocras, agus léir-sgrios deas aig a thaobh. 13 Ithidh e suas neart (8) a chroicinn; ithidh ceud-ghin a’ bhàis suas a neart. 14 Spìonar as a phàilliun a dhòchas; agus bheir se e gu righ nan uamhann. 15 Gabhaidh e còmhnuidh ’na phàilliun, a chionn nach leis-san e; crathar pronnasg air àite-còmhnuidh. 16 Shìos tiormaichear a fhreumhan, agus shuas gearrar air falbh a bhàrr. 17 Sgriosar a chuimhne as an talamh, agus cha bhi ainm aige air an t-sràid. 18 Fògairear e o sholus gu dorchadas, agus as an t-saoghal tilgear e. 19 Cha bhi mac aige, no mac a mhic am measg a shluaigh, no neach a mhaireas ’na aitibh-còmhnuidh. 20 R’a latha bithidh ìongnadh orra-san a thig ’na dhéigh, mar a ghlac uamhas (9) iadsan a thàinig roimhe. 21 Gu deimhin is iad sin ionada-còmhnuidh an aingidh; (1) mo dhùil. (2) thugaibh fa’near. (3) gràineil, neo-ghlan. (4) nan aingidh. (5) srad. (6) cuirear ann an lìon a chos. (7) lìon, painteir. (8) maise. (9) fuathas. [TD 143] IOB. CAIB. XIX. agus is e so àite-san, da nach aithne Dia. CAIB. XIX. ACH fhreagair Iob agus thubhairt e, 2 Cia fhada chuireas sibh doilgheas air m’anam, agus a bhriseas sibh mo chridhe le briathraibh? 3 Na deich uaire so mhaslaich sibh mi: cha nàr leibh gu bheil sibh cho-choimheach rium (1). 4 Agus gu deimhin ma chaidh mi air seacharan, fanaidh mo sheacharan agam féin. 5 An ardaich (2) sibhse d’a rìreadh sibh féin a’m’ aghaidh, agus an tagair sibh a’m’ aghaidh mo mhasladh? 6 Biodh fios agaibh anis gu’n do thilg Dia thairis mi, agus gu’n do chuir e a lìon mu’n cuairt orm. 7 Feuch, glaodhaidh mi, Eucoir, ach cha ’n éisdear rium; éighidh mi gu h-ard, ach cha ’n’eil breitheanas ann. 8 Dhùin e suas mo shlighe air chor as nach urrainn mi dol seachad, agus chuir e dorchadas air mo cheumaibh. 9 Bhuin e mo ghlòir dhìom, agus thug e an crùn bhàrr mo chinn. 10 Sgrios e mi air gach taobh, agus chaidh as domh (3); agus chuir e air falbh, mar chraoibh, mo dhòchas. 11 Agus las fhearg a’m’ aghaidh, agus mheas e mi mar aon d’a naimhdibh. 12 Cuideachd thàinig a bhuidhnean, agus chuir iad suas an slighe a’m’ aghaidh, agus champaich iad mu’n cuairt air mo phàilliun. 13 Chuir e mo bhràithrean fad uam; agus tha mo luchd-eòlais gu deimhin air fàs coimheach rium. 14 Thréig mo dhilsean, agus dhi-chuimhnich mo luchd-eòlais (4) mi. 15 Mheas muinntir mo thighe, agus mo bhanoglaich mi mar choigreach: a’m’ eil-thireach (5) bha mi ’nan sùilibh. 16 Air mo sheirbhiseach ghairm mi, agus cha do fhreagair e: le’m’ bheul féin ghuidh mi air. 17 Bha m’anail coimheach do m’ mhnaoi, ge do ghuidh mi as leth (6) cloinne mo chuirp féin (7). 18 Rinn eadhon clann òg tàir orm: dh’éirich mi, agus labhair iad a’m’ aghaidh. 19 Ghabh mo luchd-rùin uile gràin dìom; agus tha iadsan a ghràdhaich mi air tionndadh a’m’ aghaidh. 20 Re m’ chroicionn agus re m’fheoil dhlùth-lean mo chnàmha; agus chaidh mi as le croicionn m’fhiacal. 21 Gabhaibh truas dìom, gabhaibh truas dìom, O mo chairde, oir bhean làmh Dhé rium. 22 C’arson a gheur-leanas sibhse mi mar a ni Dia, agus le m’fheoil nach sàsuichear sibh? 23 O nach robh mo bhriathra (1) air bhur cruadhachadh a’m’ aghaidh. (2) Ma dh’ardaicheas. (3) siùbhlam. (4) mo chairdean. (5) allmharach. (6) agus tha mi re caoidh air son. (7) m’innidh; mo bhronna. Eabh. [TD 144] IOB. CAIB. XX. nis air an scrìobhadh! O nach robh iad air an cur sìos ann an leabhar! 24 Le peann iaruinn agus luaidh gu bràth ann an carraig nach robh iad air an gearradh! 25 Oir a ta fios agam gu bheil m’fhear-saoraidh beo, agus ma dheireadh gu seas e air an talamh (1); 26 Agus an déigh dhoibh so mo chroicionn a chnàmh (2), gidheadh ann am fheoil gu’m faic mi Dia: 27 Neach a chi mise air mo shon féin, agus air an amhairc mo shùilean-sa, agus ni h-e neach eile: so uile chuir mi suas a’m’ chom féin (3). 28 Ach their sibhse, C’ar son a gheur-leanamaid e, agus gu’n d’fhuaradh freumh a’ ghnothuich ann (4)? 29 Biodh eagal oirbh roimh’n chlaidheamh; oir fàsaidh an claidheamh teth [an aghaidh] eucearta (5), chum gu’m bi fios agaibh gu’m bi breitheanas ann. CAIB. XX. AN sin fhreagair Sophar an Naamatach, agus thubhairt e, 2 Uime sin tha mo smuainte toirt orm freagairt, agus air a shon so ni mi deifir. 3 Achmhasan mo mhaslaidh cluinneam (6), agus tha spiorad mo thuigse a’ toirt orm freagairt. 4 Nach aithne dhuit so o chian, o shuidhicheadh an duine air thalamh, 5 Gur gearr caithream (7) nan aingidh, agus nach ’eil gairdeachas a’ chealgair ach car tiota? 6 Ge d’éirich airde (8) suas gus na nèamhaibh, agus ge do ruig a cheann na neoil; 7 Mar aolach féin gu bràth théid as da: their iadsan a chunnaic e, C’àit am bheil e? 8 Mar aisling grad-shiùbhlaidh (9) e, agus cha’n fhaighear e; agus teichidh e mar shealladh na h-oidhche. 9 An t-sùil a chunnaic e, cha ’n fhaic i e tuilleadh; agus ni’s mò cha’n amhairc àite féin air. 10 Iarraidh a mhic na bochdan a thoileachadh, agus aisigidh a làmhan am maoin. 11 Tha a chnàmha làn do pheacadh òige (10), agus maille ris anns an duslach luidhidh e. 12 Ge do robh an t-olc milis ’na bheul, ge d’fholaich se e fuidh a theangaidh, 13 Ge do chaomhain se e, agus nach tréig se e, ach gu’n gléidh se e an taobh a stigh a bheoil; 14 Tionndaidhear a bhiadh ’na mhionach, gu domblas nan nathair an taobh a stigh dheth. 15 Shluig e sìos beartas, agus sgeithidh e nìos e: tilgidh Dia mach as a bhroinn e. (1) gu’n éirich e air an duslach. (2) an déigh mo chroicinn ge do chnàmh iad a’ chreubhag so. (3) ge do chaithear m’airnean an taobh a stigh dhiom. (4) annam. (5) oir bheir fearg peanas a’ chlaidheimh. (6) Mo chronachadh maslach chuala mi. (7) luathghaire. (8) uaill. (9) iteilichidh. (10) d’a pheacannaibh dìomhair. [TD 145] IOB. CAIB. XXI. 16 Sùgaidh e nimh nan nathair (1): marbhaidh teanga na nathrach milltich e. 17 Cha ’n fhaic e na h-aibhniche ’nan roinnibh (2), na sruthain meala agus ime. 18 Aisigidh e an ni airson an do shaothraich e, agus cha sluig e sìos e: a réir a shaibhris (3) bithidh aiseag (4), agus cha dean e gairdeachas ann: 19 A chionn gu’n d’rinn e fòireigin gu’n do thréig e na bochdan, le h-ainneart gu’n d’thug e air falbh tigh nach do thog e. 20 Oir cha mhothaich e fuaimhneas ’na chom (5), cha téaruinn e bheag do na mhiannaich e. 21 Cha ’n fhàgar a’ bheag d’a bhiadh: uime sin cha bhi sùil aig duine air bith r’a mhaoin (6). 22 Ann an iomlaine a’ phailteis bithidh e ann an teanntachd: thig gach aobhar dragha air (7). 23 An uair a bhios e gus a bhrù a lìonadh, tilgidh Dia fraoch (8) fheirge air, agus frasaidh e air e ’nuair a bhios e ag itheadh. 24 Teichidh e roimh na h-armaibh iaruinn: buailidh am bogha umha (9) troimhe e. 25 Tairngear, agus thig a mach as a chorp, thig an claidheamh loinneara (10) mach as a dhomblas: thig uamhasan air. 26 Bithidh gach uile dhorchadas folaichte ’na ionadaibh dìomhair: loisgidh teine gun séideadh e: éiridh gu h-olc dhasan a dh’fhàgar ’na phàilliun. 27 Foillsichidh na nèamhan aingidheachd; agus éiridh an talamh ’na aghaidh. 28 Triallaidh fàs a thighe: sruthaidh nithe as ann an latha fheirge. 29 Is e so cuibhrionn an duine aingidh o Dhia, agus an oighreachd a dh’orduicheadh dha le Dia. CAIB. XXI. ACH fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 Eisdibh gu furachar re m’ chainnt, agus biodh so mar (11) bhur comhfhurtachd. 3 Fuilgibh dhomh, agus labhraidh mi; agus an déigh dhomh labhairt, cuiribh re’r fanoid. 4 A m’ thaobh-sa, an ann re duine a tha mo ghearan? agus nam b’ann, c’arson nach biodh mo spiorad fa bhuaireas (12). 5 Amhaircibh orm, agus biodh ìongnadh (13) oirbh, agus cuiribh bhur làmh air bhur beul: 6 Oir an uair a chuimhnicheas mi, tha eagal (14) orm; agus glacaidh geilt-chrith m’fheoil. 7 C’arson ata na h-aingidh beò, a dh’fhàsas iad sean, agus a bhios iad ard (15) ann an cumhachd? 8 Tha’n sliochd air a dhaing- (1) asp. Sasg. petan. Eabh. (2) meuraibh, sruth-chlaisibh. (3) a neirt. (4) ath-dhìoladh. (5) ’na bhroinn. (6) cha mhair a shoirbheas. (7) buailidh làmh gach duine dhrochmhuinte air. (8) lasan. (9) stàilinn, cruadhach. (10) lìobhta, dealrach. (11) an àit. (12) air a theannachadh, air a bhrosnachadh. (13) uamhas. (14) uamhas. (15) barraichte, treun. [TD 146] IOB. CAIB. XXI. neachadh ’nam fianuis maille riu, agus an gineal fa chomhair an sùl. 9 Tha’n tighean saor o eagal (1); agus cha ’n’eil slat Dhé orra. 10 Ginidh an tarbh, agus cha’n fhàilnich e; beiridh am bò laogh, agus cha tilg i e. 11 Cuiridh iad a mach an clann bheag mar threud; agus dannsaidh an gineal. 12 Togaidh iad an tiompan agus a’ chlàrsach; agus ni iad gairdeachas re fuaim an orgain. 13 Caithidh iad an laithean ann an saibhreas, agus ann an tiota (2) théid iad sìos do’n uaigh. 14 Agus their iad re Dia, Imich uainn; oir cha’n àill leinn eòlas do shlighean. 15 Cò e an t-Uile-chumhachdach, gu’n deanamaid seirbhis dha? agus ciod an tairbhe bhios ann duinn, ma ni sinn urnuigh ris? 16 Feuch, cha ’n’eil am maith ’nan làimh: tha comhairle nan aingidh fada uamsa. 17 Cia minic a chuirear coinneal nan aingidh as, agus a thig an sgrios orra? roinnidh Dia doilgheasan ’na fheirg. 18 Bithidh iad mar asbhuain roimh’n ghaoith, agus mar mholl a bheir an iomghaoth leatha. 19 Taisgidh Dia suas euceart-san (3) d’a chloinn: dìolaidh e dha, agus bithidh fios aig air. 20 Chi a shùilean a sgrios, agus do fheirg an Uile-chumhachdaich òlaidh se. 21 Oir ciod an tlachd a bhios aige ’na thigh ’na dhéigh, ’nuair a ghearrar as àireamh a mhìos ’nam meadhon? 22 Do Dhia an teagaisg neach air bith eòlas, agus gur e féin a bheir breth orra-san ata arda? 23 Bàsaichidh e so ’na làn neart, agus e uile aig fois agus an sìth. 24 Tha innidh làn saill (4) agus a chnàmhan air an taisleachadh le smior. 25 Agus bàsaichidh e sin ann an searbhas anama, agus cha ’n ith e idir le toil-inntinn. 26 Cuideachd anns an duslach luidhidh iad, agus còmhdaichidh cnuimhean iad. 27 Feuch, is aithne dhomh bhur smuainte, agus na h-innleachdan a tha sibh a’ dealbhadh gu h-eucorach a’m’ aghaidh: 28 Oir their sibh, C’àit am bheil tigh an duine mhòir, agus c’àit am bheil ionada-còmhnuidh nan aingidh? 29 Nach d’fheòraich sibh dhiùbhsan a ghabhas seachad air an t-slighe? agus nach aithne dhuibh an comharan? 30 Gu’n gleidhear an t-aingidh chum latha an sgrios; chum latha na feirge gu’n d’thoirear a mach iad. 31 Cò a chuireas an céill a shlighe as an eudan: agus cò a dh’ìocas dha na rinn e. 32 Ach a chum na h-uaighe (1) téaruinte agus as eugmhais eagail. (2) ann an gradaig. (3) euceart an duine aingidh, a thruaighe. (4) a chìocha làn bainne. [TD 147] IOB. CAIB. XXII. bheirear e, agus anns an àit-adhlacaidh fanaidh se. 33 Bithidh fòidean a’ ghlinne milis dha, agus tairngidh gach duine ’na dhéigh, mar a ta iad do-àireamh roimhe. 34 Cionnas ma ta a tha sibh a’ tabhairt comh-fhurtachd dhomh gu dìomhain, an uair a ta cealg ’nar freagraibh? CAIB. XXII. AN sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e, 2 Do Dhia am feud duine a bhi tarbhach, mar a dh’fheudas esan a ta glic a bhi tarbhach dha féin? 3 An toilinntinn do’n Uile-chumhachdach gu’n saor thusa thu féin? agus am buannachd e dha-san, gu’n dean thu do shlighean iomlan? 4 Air eagal romhad an cronaich e thu? an d’théid e chum breitheanais leat? 5 Nach ’eil t’aingidheachd mòr? agus t’eucearta gun chrìoch? 6 Oir ghabh thu geall o d’ bhràithribh gun aobhar, agus eudach nan lomnochd bhuin (1) thu dhiubh. 7 Cha d’thug thu uisge do’n sgìth r’a òl, agus o’n ocrach chum thu aran. 8 Ach aig fear a’ ghairdein làidir bha an talamh, agus ghabh an duine urramach còmhnuidh ann. 9 Chuir thu bantraichean uait folamh, agus bhriseadh gairdeana nan dìlleachdan. 10 Air an aobhar sin mu’n cuairt ort bha ribeacha, agus ghlac (2) geilt obann thu; 11 No dorchadas, air chor as nach faiceadh tu; agus chòmhdaich pailteas uisgeachan thu. 12 Nach ’eil Dia ann an airde nan nèamh? agus faic mullach (3) nan rionnag, cia ard a ta iad. 13 Agus their thusa, Cionnas a ta fios aig Dia? troimh an dorchadas (4) am breithnich e? 14 Tha neoil ’nan còmhdachadh dha, agus cha’n fhaic e; agus ann an cuairt nan nèamh siùbhlaidh e. 15 An d’thug thu fa’near an t-slighe o shean, air an d’imich daoine aingidh; 16 A ghearradh sìos roimh an àm, agus thaom tuil thar am bunait? 17 A thubhairt re Dia, Imich uainn: agus ciod is urrainn an t-Uile-chumhachdach a dheanamh air ar (5) son? 18 Gidheadh lìon e an tighean le nithibh maithe: ach gu ma fada bhios comhairle nan aingidh uamsa! 19 Chi na h-ionraic, agus bithidh aoibhneas orra; agus ni an neo-chiontach gàire-fanoid riu. 20 An àit nach do ghearradh ar maoin ne sìos; ach loisgidh teine am fuigheall-san. 21 Gabh-sa nis eòlas air-san, (1) rùisg. (2) glacaidh. (3) airde; ceann. Eabh. (4) ar neul dorcha. (5) an. [TD 148] IOB. CAIB. XXIII. agus bi an sìth: mar sin thig maith a’d’ ionnsuidh. 22 Gabh, guidheam ort, an lagh o bheul, agus cuir suas a bhriathran ann ad chridhe. 23 Ma philleas tu dh’ionnsuidh an Uile-chumhachdaich, togar suas thu; cuiridh tu euceart am fad o d’ phàilliunaibh. 24 Agus cuiridh tu suas òr mar dhuslach, agus òr Ophir mar chlachaibh nan sruth. 25 Agus bithidh an t-Uile-chumhachdach ’na dhìdean agad, agus bithidh neart (1) airgid agad. 26 Oir an sin bithidh do thlachd anns an Uile-chumhachdach, agus togaidh tu suas do ghnùis a dh’ionnsuidh Dhé. 27 Ni thu urnuigh ris, agus éisdidh e riut, agus dìolaidh tu do bhòidean. 28 Agus cuiridh tu ni romhad, agus daingnichear dhuit e; agus air do shlighibh dealraichidh solus. 29 An uair a dh’ìslichear daoine, an sin their thu, Bithidh ardachadh ann: agus saoraidh e an t-iriosal. 30 Saoraidh se esan nach ’eil neo-chiontach (2), agus saorar e le gloine do (3) làmh-sa. CAIB. XXIII. ACH fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 An diugh féin is searbh mo ghearan: is truime mo bhuille na m’osna. 3 Och gun fhios agam c’àit am faighinn esan, agus gu’n d’thiginn a dh’ionnsuidh àite! 4 Chuirinn mo chùis an ordugh ’na làthair, agus lìonainn mo bheul le h-argumaidibh. 5 Bhiodh fios agam air na briathraibh leis am freagaireadh e mi, agus thuiginn ciod a theireadh e rium. 6 Le a mhòr chumhachd an tagaireadh e a’m’ aghaidh? ni h-eadh, ach chuireadh e neart annam. 7 An sin thagaireadh am firean ris, agus bhithinn air mo shaoradh gu bràth o’m’ bhreitheamh. 8 Feuch, théid mi air m’aghaidh, ach cha ’n’eil esan ann; agus air m’ais, ach cha mhothaich mi e: 9 Air an làimh chli, far am bheil e ag oibreachadh, ach cha ’n fhaic mi e; folaichidh se e féin air an làimh dheis, agus cha léir dhomh e. 10 Ach is aithne dha an t-slighe agam: an uair a dhearbhas e mi, mar òr thig mi a mach. 11 Air a cheumaibh chum mo chos; ghléidh mi a shlighe, agus cha do chlaon mi. 12 O àithne a bhilean cha deachaidh mi air m’ais; ni’s mò na mo dhlighe bìdh mheas mi briathran a bheoil (4). 13 Ach tha e san aon bheachd (5), agus cò a dh’iompoicheas (6) e? agus an ni is miann le anam, sin ni e. 14 Oir coimhlionaidh e an (1) pailteas. (2) an neo-chiontach, eilean an neo-chiontaich. (3) a. (4) a’m’ chridhe thaisg mi briathran a bheoil. (5) tha e ’na aon. (6) thionndadhas, philleas. [TD 149] IOB. CAIB. XXIV. ni a dh’orduicheadh dhomhsa: agus tha mòran d’an leithidibh sin aige. 15 Uime sin tha fiamh orm ’na fhianais; an uair a bheir mi fa’near, tha eagal orm roimhe: 16 Oir mhaothaich Dia mo chridhe, agus chuir an t-Uile-chumhachdach fiamh orm; 17 A chionn nach do ghearradh as mi roimh an dorchadas, agus o m’ ghnùis nach d’fholaich e an dorchadas. CAIB. XXIV. C’AR SON, o nach d’fholaicheadh aimsirean o’n Uile-chumhachdach, nach faic iadsan d’an aithne e a laithean? 2 Atharraichidh iad na comharan-talmhainn: bheir iad treudan leo le foirneart, agus biadhaidh siad iad. 3 Iomainidh iad air falbh asal nan dìlleachdan; mar gheall glacaidh iad damh na bantraich. 4 Tionndadhaidh iad na feumaich as an t-slighe: le chéile folaichidh bochdan na talmhainn iad féin. 5 Feuch, mar asalaibh fiadhaich anns an fhàsach théid iad a mach a chum an oibre, ag éirigh gu moch a chum creiche: bheir am fàsach biadh dhoibh d’an òigridh (1). 6 Anns an fhearann buainidh iad arbhar; agus cruinnichidh iad fìon-fhoghara an aingidh. 7 Bheir iad air an lomnochd luidhe gun eudach, agus gun chòmhdachadh anns an fhuachd. 8 Le frasaibh nam beann bithidh iad fliuch, agus a dhìth fasgaidh (2) gabhaidh iad ’nan glacaibh a’ charraig. 9 Spìonaidh iad an dìlleachdan o’n chìch, agus o’n bhochd gabhaidh iad geall. 10 Bheir iad air imeachd lomnochd, gun eudach; agus o na h-ocraich bheir iad leo an sguab. 11 An taobh a stigh d’am ballachaibh fàisgidh (3) iad ola; bruthaidh iad am fìon-amair, agus fuilingidh iad tart. 12 As a’ bhaile tha daoine ag osnaich, agus éighidh anam nan daoine leònta; gidheadh cha chuir Dia amaideachd as an leth. 13 Tha iad dhiubhsan a dh’éireas suas an aghaidh an t-soluis; cha ’n aithne dhoibh a shlighean, agus cha ghluais iad ’na cheumaibh. 14 Leis an t-solus éiridh am mortair (4), [agus] marbhaidh e am bochd agus am feumach; agus anns an oidhche bithidh e mar ghaduiche. 15 Mar an ceudna feithidh sùil an adhaltranaich ris an dubh-thra (5), ag ràdh, Cha’n fhaic sùil mi; agus cuiridh e folach air aghaidh. 16 Cladhaichidh iad anns an dorchadas troimh thighibh, a chomharaich iad dhoibh féin san là; cha’n aithne dhoibh an solus: 17 Oir tha mhaduinn dhoibh- (1) d’an cloinn. (2) a chion tearmuinn. (3) ni. (4) murtair. (5) fheasgar, anmoch. [TD 150] IOB. CAIB. XXV. XXVI. san mar sgàile a’ bhàis: ma dh’aithnicheas neach iad, bithidh iad ann an uamhasaibh sgàile a’ bhàis. 18 Luath tha e mar na h-uisgeacha (1): mallaichear an cuibhrionn air an talamh: cha’n fhaic e slighe nam fìon-lios. 19 Bheir tiormachd agus teas leo uisgeachan an t-sneachdaidh; an uaigh iadsan a pheacaich. 20 Di-chuimhnichidh a’ bhrù e, biadhaidh a’ chnuimh gu milis air; ni’s mò cha chuimhnichear e; agus brisear aingidheachd mar chrann. 21 Bithidh e olc ris a’ mhnaoi neo-thoraich, nach beir clann; agus do’n bhantraich cha dean e maith. 22 Agus tairngidh e na daoine treuna le a neart: éiridh e suas, agus cha ’n’eil neach air bith cinnteach d’a bheatha. 23 Bheir e dha a bhi ann an tèaruinteachd, agus as sin earbaidh e; ach a ta a shùilean air an slighibh. 24 Ardaichear iad rè tamuill, ach cha bhi iad ann; ìslichear iad, agus mar na h-uile bheirear air falbh iad, agus mar cheann déise gearrar as iad. 25 Agus mur ’eil e mar sin a nis, cò a ni breugaire dhìom, agus a bheir gu neo-ni mo chainnt? CAIB. XXV. AN sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e, 2 Tha tighearnas agus eagal maille ris-san: ni e sìth ’na ionadaibh arda. 3 Am bheil àireamh air bith air a shlòigh? agus cò air nach éirich a sholus. 4 Cionnas ma ta a shaorar duine aig Dia? agus cionnas a bhios esan glan a rugadh o mhnaoi? 5 Amhairc eadhon air a’ ghealaich, agus cha dealraich i; agus cha ’n’eil na rionnaga glan ’na shealladh. 6 Cia is ro-lugha na sin an duine a ta ’na chnuimh, agus mac an duine a ta ’na chnuimh? CAIB. XXVI. ACH fhreagair Iob, agus thubhairt e, 2 Cionnas a chuidich thu leis an ti a ta gun chumhachd? cionnas a shaor thu an gairdean a ta gun neart? 3 Cionnas a chomhairlich thu esan aig nach ’eil gliocas, agus a dh’fhoillsich thu gu pailte an ni mar a ta e? 4 Cia ris a labhair thu briathran? agus cia leis an spiorad a thàinig uait? 5 Dealbhar nithe marbha fuidh na h-uisgeachaibh, agus an luchd-àiteachaidh. 6 Lomnochd tha ifrinn ’na làthair, agus cha ’n’eil còmhdachadh aig léir-sgrios. 7 Tha e a’ sìneadh na h-airde tuath os cionn an ionaid fholaimh, a’ crochadh na talmhainn air neo-ni; 8 A’ ceangal suas nan uisgeacha ’na neulaibh, agus cha reubar an neul fopa; (1) air aghaidh nan uisgeacha. Eabh. [TD 151] IOB. CAIB. XXVII. 9 A’ cumail a stigh (1) aghaidh a righ-chathrach, a’ sgaoileadh a neoil oirre. 10 Chuairtich e na h-uisgeacha le crìochaibh, gus an teirig (2) an là maille ris an oidhche. 11 Criothnaichidh puist (3) nan nèamh, agus bithidh uamhas orra r’a achmhasan. 12 Le chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le thuigse buailidh e an t-uaibhreach. 13 Le a spiorad sgeadaich e na nèamha: dhealbh a làmh an nathair lùbach. 14 Feuch, is iad sin cuid d’a shlighibh; ach cia beag a’ chuibhrionn a chuala sinn deth? agus cò a dh’fheudas tairneanach a chumhachd a thuigsinn? CAIB. XXVII. AGUS bhuanaich Iob ’na chosamhlachd a labhairt a mach, agus thubhairt e, 2 Mar is beo Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t-Uile-chumhachdach a chràidh m’anam, 3 Co fhad as a bhios m’anail annam, agus spiorad Dhé ann am chuinneinibh (4), 4 Cha labhair mo bhilean aingidheachd, agus cha chan mo theanga cealg. 5 Nar leigeadh Dia gu’n saorainn sibh: gus am bàsaich mi, cha’n atharraich mi m’ionracas uam. 6 Ann am fhìreantachd fanaidh mi, agus cha leig mi uam i; cha mhaslaich mo chridhe mi rè mo laithean. 7 Mar an t-aingidh biodh mo nàmhaid; agus esan a dh’éireas suas a’m’ aghaidh mar an t-eucorach. 8 Oir ciod e dòchas a’ chealgoir, ge do bhuannaich e, ’n uair a bheir Dia air falbh anam? 9 An éisd Dia r’a ghlaodh, ’nuair a thig àmhghar air? 10 Anns an Uile-chumhachdach an gabh e tlachd? an gairm e air Dia gach àm? 11 Teagaisgidh mi sibh le làimh Dhé; an ni a ta aig an Uile-chumhachdach, cha cheil mi. 12 Feuch, chunnaic sibh féin uile e; c’ar son ma ta a tha sibh cho ro-fhaoin? 13 Is i so cuibhrionn an duine aingidh aig Dia, agus oighreachd luchd-foirneart a gheibh iad o’n Uile-chumhachdach. 14 Ma dh’fhàsas a mhic lìonmhor, is ann air son a’ chlaidheimh: agus cha sàsaichear a shliochd le h-aran. 15 Adhlaicear iadsan a mhaireas ’na dhéigh (5) anns a’ bhàs; agus cha ghuil a bhantraichean. 16 Ge do charn e suas airgiod mar an duslach, agus ge do dheasaich e eudach mar an làthach; 17 Deasaichidh se e, ach cuiridh an t-ionracan air e; agus roinnidh an neo-chiontach an t-airgiod. 18 Togaidh e mar an leo- (1) air a h-ais. (2) d’thig crìoch air. (3) tuiridhean; pillars. Sasg. (4) choimhlionaibh. (5) iarmad. [TD 152] IOB. CAIB. XXVIII. mann a thigh, agus mar bhothan a ni am fear-coimhid. 19 Luidhidh an saibhir sìos, ach cha chruinnichear e: fosgailidh se a shùilean, agus cha ’n’eil e ann. 20 Glacaidh uamhasan e mar uisgeacha: san oidhche goididh doinionn air falbh e. 21 Bheir a’ ghaoth an ear leatha e, agus siubhlaidh e; agus le h-iomghaoith grad-ghluaisidh i as àit e. 22 Oir caithidh (1) Dia air, agus cha chaomhain e: bu mhiann leis teicheadh as a làimh. 23 Buailidh daoine am basan ris, agus le sgeig fuadaichidh iad as àit e. CAIB. XXVIII. GU cinnteach tha dol a mach (2) aig an airgiod, agus àit aig an òr anns an leagh iad e. 2 Bheirear iarunn as an talamh, agus leaghar a’ chlach ’na h-umha. 3 Chuir e crìoch air an dorchadas; agus rannsaichidh e mach gach iomlaine, clachan duibhre agus sgàile a’ bhàis. 4 Brisidh an sruth (3) a mach o’n luchd àiteachaidh; dearmadar (4) iad leis a’ chois; tiormaichear suas iad, o dhaoinibh siubhlaidh iad. 5 A thaobh na talmhainn, aisde thig aran; agus fuidhe (5) tionndadhar suas amhuil teine: 6 Is iad a clachan àit na saphir; agus tha duslach òir aice: 7 Ceum nach aithne do’n eunlaith, agus nach faca sùil na fainge (6). 8 Cha do shaltair cuileana an leòmhain (7) air, agus cha deachaidh an leòmhan garg seachad air. 9 Air a’ charraig cuiridh e mach a làmh: tilgidh e bun os cionn na beannta. 10 Anns na creagaibh bheir e air aibhnichibh briseadh a mach; agus chi a shùil gach ni luachmhor. 11 Ceanglaidh e na h-aibhnichean o dhol thairis, agus an ni a ta folaichte bheir e gu solus. 12 Ach cia as a gheibhear gliocas? agus c’àit am bheil ionad na tuigse? 13 Cha ’n aithne do dhuine a luach (8); agus cha’n fhaighear i ann an tìr nam beo. 14 Their an doimhne, Cha ’n’eil i annam-sa; agus their a’ mhuir, Cha ’n’eil i maille riumsa. 15 Cha d’thoirear òr air a son, agus cha tomhaisear airgiod mar a luach. 16 Cha mheasar i le h-òr na h-Ophir, leis an Onics luachmhoir, no leis an t-saphir. 17 Cha choimeasar òr no leug rithe; agus cha bhi a malairt le seudaibh do’n òr fhior-ghlan. 18 Air coireal no neamhnuidibh (9) cha luadhar; oir tha luach gliocais os cionn nan clach a’s uaisle (10). 19 Cha choimeasar topas na h-Etiopia rithe: leis an òr fhìor-ghlan cha mheasar i. (1) tilgidh. (2) cuisle. (3) na sruthan, an tuil. (4) di-chuimhnichear. (5) fuipe, o a h-ìochdar. (6) na seabhaige; Aiah. Eabh. (7) mic an ardain. (8) a riaghailt, a slighe. (9) gabis. Eabh. (10) rubies Sasg. peninim. Eabh. [TD 153] IOB. CAIB. XXIX. 20 Cia as ma ta a thig gliocas? agus c’ait am bheil ionad na tuigse? 21 Oir a ta i am folach o shùilibh nan uile bheò; agus o eunlaith an athair tha i an cleith. 22 Thubhairt léir-sgrios agus am bàs, Le’r cluasaibh chuala sinn a cliu. 23 Tuigidh Dia a slighe, agus is aithne dha a h-àit: 24 Oir gu crìochaibh na talmhainn amhaircidh esan; fuidh na nèamhaibh uile chi e: 25 Chum gu dean e cudthrom do’n ghaoith, agus gu tomhais e na h-uisgeacha le tomhas. 26 An uair a rinn e reachd do’n uisge, agus slighe do dhealanach na tairneanaich; 27 An sin chunnaic se i, agus dh’fhoillsich e i; dheasaich e i, seadh, agus rannsaich e mach i. 28 Agus thubhairt e ris an duine, Feuch, eagal an Tighearna, is e sin gliocas; agus an t-olc a thréigsinn, tuigse. CAIB. XXIX. AGUS bhuanaich Job ’na chosamhlachd a labhairt a mach, agus thubhairt e, 2 Och nach robh mi mar anns na mìosaibh a chaidh tharum, mar anns na laithibh air an do choimhid (1) Dia mi! 3 ’Nuair a thug e air a lòchran dealrachadh air mo cheann, agus le a sholus a ghluais mi san dorchadas; 4 Mar a bha mi ann an laithibh m’òige, ’nuair a bha rùn-dìomhair Dhé air mo phàilliun; 5 An uair a bha’n t-Uile-chumhachdach fathast maille rium, agus m’òganaich (2) mu m’ thimchioll; 6 An uair a nigh mi mo cheuma le h-im, agus a thaom a’ charraig, a mach dhomh sruthan ola; 7 ’Nuair a chaidh mi mach gu geatadh a’bhaile, a dheasaich mi m’àite-suidhe anns an t-sràid. 8 Chunnaic na daoine òga mi, agus dh’fholaich siad iad féin, agus dh’éirich na daoine aosda, agus sheas iad. 9 Sguir na h-uachdarain do labhairt, agus chuir iad an làmh air am beul. 10 Dh’fhan na h-ard-uaislean ’nan tosd, agus lean an teanga r’an gial. 11 An uair a chual a’ chluas, bheannaich i mi; agus an uair a chunnaic an t-sùil, thug i fianuis leam. 12 A chionn gu’n do shaor mi am bochd a bha ’g éigheach, agus an dìlleachdan aig nach robh fear-cuideachaidh (3). 13 Thàinig beannachadh an ti a bha ullamh gu bàsachadh orm; agus thug mi air cridhe na bantraich seinn le h-aoibhneas. 14 Chuir mi ionracas orm, agus dh’eudaich e mi: mar fhalluing agus mar choron bha mo bhreitheanas, (1) ghlèidh. (2) mo chlann. (3) agus esan aig nach robh fear-cuideachaidh. [TD 154] IOB. CAIB. XXX. 15 Bu shùilean mi do’n dall, agus bu chosan mi do’n bhacach. 16 Bha mi a’m’ athair do na bochdaibh; agus a’ chùis nach b’aithne (1) dhomh rannsaich mi a mach. 17 Agus bhris mi gial an droch dhuine, agus as fhiaclaibh spìon mi a’ chreach. 18 Agus thubhairt mi, Ann am nead gheibh mi bàs, agus mar a’ ghaineamh ni mi mo laithean lìonmhor. 19 Bha (2) mo fhreumh air a sgaoileadh a mach làimh ris na h-uisgeachaibh, agus luidh (3) an drùchd rè na h-oidhche air mo mheangan. 20 Bha mo ghlòir ùr agam, agus dh’athnuadhaicheadh mo bhogha ann am làimh. 21 Riumsa dh’éisd daoine, agus dh’fheith iad, agus bha iad ’nan tosd re m’ chomhairle. 22 An déigh mo bhriathra cha do labhair iad a rìs; agus shil mo chainnt orra. 23 Agus bha sùil aca rium, mar ris an uisge; agus dh’fhosgail iad am beul gu farsaing, mar air son an uisge dheireanaich. 24 Ma ghàir mi riu, cha do chreid iad, agus solus mo ghnùise cha do thilg iad sìos. 25 Thagh mi mach an slighe, agus shuidh mi mar cheannard, agus chòmhnuich mi mar righ ann an armailt, mar aon a bheir comhfhurtachd do luchd-bròin. CAIB. XXX. ACH a nis tha iadsan a’s òige na mise a’ deanamh fanoid orm, muinntir nach b’fhiu leam an aithrichean a chur maille re conaibh mo threuda 2 Seadh, ciod an tairbhe a bhiodh dhomhsa ann an neart an làmh, aig an deachaidh as d’an sean aois? 3 Le dìth agus le gorta bha iad uaigneach, a’ teicheadh do’n fhàsach, a bha san àm a chaidh seachad ’na fhasalachd agus ’na léir-sgrios: 4 A’ gearradh sios maloimh (4) làimh ris na preasaibh, agus freumhan-aiteil mar bhiadh. 5 O mheasg dhaoine dh’fhògradh a mach iad: dh’éigh iad ’nan aghaidh, mar an aghaidh gaduiche. 6 Bha iad a chòmhnuidh ann an sgaradh nan gleann, ann an uamhaibh na talmhainn agus nan creag. 7 Am measg nam preas rinn iad gearan (5): fuidh ’n eanntagaich chrunnicheadh iad re chéile: 8 Clann nan amadan, seadh, clann dhaoine gun chliu: bha iad ni bu tàireile na’n talamh. 9 Agus a nis is mise a’s òran doibh, agus a ta mi a’m’ leth-fhocal aca. 10 Tha iad a’ gabhail gràin dìom, tha iad a’ teicheadh fad as uam, agus cha chaomhain iad smugaid a thilgeadh a’m’ eudan. 11 A chionn gu’n d’fhuasgail e mo chord, agus gu’n do shàraich e mi, leig iadsan mar an ceudna an t-srian sgaoilte romham. 12 Air mo dheas laimh dh’éirich an óigridh, thug iad air mo chosaibh sleamhnachadh uam, (1) cùis an ti nach b’aithne dhomh. (2) Bithidh. (3) luidhidh. (4) gropis; maluch. Eabh. (5) ciurrulan; sitirich. Eabh. [TD 155] IOB. CAIB. XXXI. agus thog iad suas a’m’ aghaidh slighean an sgrios. 13 Mhill iad mo cheuma, chuir iad m’aimhleas air aghaidh, gun fhear-cuideachaidh aca. 14 Mar bhriseadh a steach leathan thàinig iad, mar ann an léir-sgrios thaom iad a stigh. 15 Thionndaidh uamhasan a’m’ aghaidh (1): ruaig iad m’anam mar a’ ghaoth; agus mar neul chaidh mo thèaruinteachd seachad. 16 Agus a nis tha m’anam air a dhòrtadh a mach orm; ghlac laithean àmhghair mi. 17 San oidhche tha mo chnàmhan air an tolladh annam: agus cha bhi m’fhéithean aig fois. 18 Le meud a neirt mhùth e m’eudach (2): mar bhile mo chòta chuairtich e mi. 19 Thilg e mi anns an làthaich, agus tha mi air fàs cosmhuil re duslach agus re luaith. 20 Dh’éigh mi riut, agus cha d’éisd thu rium; sheas mi suas, agus [cha] d’thug thu fa’near mi. 21 Tha thu air fàs an-iochdmhor rium; le neart do làimhe tha thu ’gad chur féin a’m’ aghaidh. 22 Tha thu ’gam thogail ris a’ ghaoith: tha thu toirt orm marcachd oirre, agus a’ leaghadh as mo bhrìgh. 23 Oir a ta fhios agam gu’n d’thoir thu mi gu bàs, agus a chum an tighe a dh’orduicheadh do gach uile bheò. 24 Gidheadh cha sìn e mach a làmh a chum na h-uaighe, ge do ghlaodh iad ’na sgrios. 25 Nach do ghuil mise air a shon-san a bha ann an àmhghar? nach robh m’anam doilich air son an duine bhochd? 26 An uair a bha sùil agam re maith, an sin thàinig olc; agus an uair a bha dùil agam re solus, thàinig dorchadas. 27 Bha m’innigh air ghoil, agus cha robh fois aca: chuir laithean àmhghair romham. 28 Re bròn dh’imich mi as eugmhais na gréine: dh’éirich mi, anns a’ chomhchruinneachadh dh’éigh mi. 29 Is bràthair mi do na dragonaibh, agus is companach mi do na cumhachagaibh (3). 30 Dhubhadh ma chroicionn orm, agus loisgeadh mo chnàmha le teas. 31 Agus tha mo chlàrsach air tionndadh gu bròn, agus m’organ gu guth na muinntir a ghuileas. CAIB. XXXI. RINN mi coi’-cheangal re m’ shùilibh: car son ma ta a smuainichinn air maighdinn? 2 Oir ciod e cuibhrionn Dhé o’n ionad shuas, agus oighreachd an Uile-chumhachdaich o’n airde? 3 Nach ’eil sgrios ann do’n droch dhuine, agus coimhichead (4) do luchd-deanamh na h-euceirte? 4 Nach ’eil e a’ faicinn mo shlighean, agus ag àireamh mo cheumanna gu léir? (1) orm. (2) le neart m’eucalach chaochaileadh m’eudach. (3) coileachaibh-oidhche. (4) peanas iongantach. [TD 156] IOB. CAIB. XXXI. 5 Ma ghluais mi le dìomhanas, agus ma ghreas mo chos a chum ceilge; 6 Cudthromaichear mi ann am meidhibh a’ cheartais, chum gu’m bi fios aig Dia air m’ionracas. 7 Ma thionndaidh mo cheum as an t-slighe, agus an déigh mo shùl gu’n do ghluais mo chridhe, agus re m’ làmhaibh gu’n do lean smal air bith; 8 Cuiream, agus itheadh neach eile, seadh, biodh mo shliochd air an spìonadh as am fréimh. 9 Ma mhealladh mo chridhe le mnaoi, agus aig dorus mo choimhearsnaich ma rinn mi feall-fholach; 10 Meileadh mo bhean do neach eile, agus cromadh daoin eile oirre; 11 Oir is cionta mòr so, agus is euceart e air son nam breitheamhna (1). 12 Oir is teine e a loisgeas chum sgrios, agus a spìonadh as m’fhàs uile. 13 Ma rinn mi tàir air cùis m’òglaich, no mo bhan-oglaich, an uair a thagair iad (2) rium; 14 Ciod ma ta a ni mi ’nuair a dh’éireas Dia? agus an uair a dh’fhiosraicheas e, ciod a fhreagaireas mi dha? 15 Nach e’n ti a rinn mise anns a’ bhroinn, a rinn esan? agus nach aon a dhealbh sinn anns a’ bhroinn? 16 Ma chum mi na bochdan o’m miann, agus ma thug mi air sùilibh na bantraiche fàilneachadh; 17 No ma dh’ith mi mo ghreim a’m’ aonar, agus nach d’ith an dìlleachdan dheth; 18 (Oir o m’òige dh’fhàs e suas maille rium, mar aig athair: agus o bhroinn mo mhàthar threòraich mi ise) 19 Ma chunnaic mi neach a’ bàsachadh a dhìth eudaich, agus nach robh còmhdachadh aig a’ bhochd; 20 Mur do bheannaich a leasraidh mi, agus mur do bhlàthaicheadh e le lomradh mo chaorach; 21 Ma thog mi mo làmh an aghaidh an dìlleachdain, an uair a chunnaic mi mo chòmhnadh anns a’ gheata; 22 Tuiteadh mo ghairdean o’n t-slinnean, agus brisear mo righe o’n chnàimh (3). 23 Oir bha sgrios o Dhia ’na uamhas dhomhsa, agus a thaobh airde-san cha robh e’n comas domh fulang 24 Ma chuir mi san òr mo dhòchas, agus ma thubhairt mi ris an òr fhìor-ghlan, Is tu m’earbsa; 25 Ma rinn mi gairdeachas a chionn gu’n robh mo bheartas mòr, agus a chionn gu’n d’fhuair mo làmh mòran; 26 Ma dh’amhairc mi air a’ ghréin an uair a dhealraich i, no air a’ ghealaich a’ gluasad an soillse, 27 Agus gu’n do mhealladh mo chridhe os ìosal, agus gu’n do phòg mo bheul mo làmh: 28 Is cionta so mar an ceudna air son a’ bhreitheimh, oir (1) gu bi air a smachdachadh leis na breitheamhnaibh. (2) a rinn iad strì rium. (3) o’n uilinn. [TD 157] IOB. CAIB. XXXII. dh’àicheadhainn an Dia a ta shuas. 29 Ma rinn mi gairdeachas re sgrios an ti a dh’fhuathaich mi, agus ma thog mi mi féin suas a chionn gu’n d’thàinig olc air: 30 Oir cha do leig mi le m’bheul peacachadh le mallachadh iarraidh air anam. 31 Mur d’thubhairt fir mo phàilliuin, Och nach robh sinn air ar sàsuchadh le fheoil (1)! 32 Am muigh cha do luidh an coigreach: mo dhorus dh’fhosgail mi do’n fhear-turuis. 33 Ma cheil mi, mar Adhamh, m’eusaontais, le m’euceart fholachadh a’m’ uchd, 34 An uair a bha eagal orm (2) roimh mhòr shluagh, no chuir tarcuis theaghlach uamhas orm, agus a bha mi a’m’ thosd agus nach deachaidh mi mach air dorus. 35 Och nach éisdeadh aon rium! feuch, is e mo mhiann gu’m freagaireadh an t-Uilechumhachdach mi, agus gu’n scrìobhadh m’fhear-casaid (3) leabhar. 36 Gu deimhin air mo ghualainn ghabhainn e; cheanglainn e mar choron orm. 37 Aireamh mo cheumanna chuirinn an céill da; mar cheannard rachainn am fagus da. 38 Ma dh’éigheas m’fhearann a’m’ aghaidh, no ma ghearaineas mar an ceudna a chlaisean: 39 Ma dh’ith mi a thoradh gun airgiod, no ma thug mi air a luchd-seilbh an anam a chall: 40 An àit cruithneachd fàsadh droighneach, agus an àit eorna ionntagach (4). Chrìochnaicheadh briathran Iob. CAIB. XXXII. AN sin sguir an triuir dhaoine so do thoirt freagraidh air Iob, a chionn gu’n robh e ionraic ’na shùilibh féin. 2 Agus las fearg Elihu mhic Bharacheil a’ Bhusithich, do chinneadh Ram; an aghaidh Iob las fhearg, a chionn gu’n d’fhìreanaich (5) se e féin ni’s mò na Dia. 3 Mar an ceudna an aghaidh a thriuir chairde las fhearg, a chionn nach d’fhuair iad freagradh, agus gu’n do dhìt iad Iob. 4 A nis dh’fheith Elihu gus an do labhair Iob, a chionn gu’m bu shine iad na esan. 5 An uair a chunnaic Elihu nach robh freagradh air bith ann am beul an triuir dhaoine so, an sin las fhearg. 6 Agus fhreagair Elihu mac Bharacheil a’ Bhusithich, agus thubhairt e, Tha mise òg, agus sibhse aosmhor; uime sin bha eagal orm, agus bha mi sgàthach mu m’ bharail a nochdadh dhuibh. 7 Thubhairt mi, Labhradh laithean, agus teagaisgeadh lìonmhoireachd bhliadhnacha gliocas. 8 Ach a ta spiorad san duine, agus bheir anail an Uile-chumhachdaich tuigse dha (6). (1) Och nach robh againn d’a fheoil! cha sàsuichear sinn. (2) An robh eagal orm, &c. (3) m’eascaraid. (4) eanntagach, luibh loibheach. (5) gu’n do shaor. (6) dhoibh. [TD 158] IOB. CAIB. XXXIII. 9 Cha bhi daoine mòra a ghnàth glic, agus cha tuig na h-aosmhoir breitheanas. 10 Uime sin thubhairt mi, Eisdibh rium; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail. 11 Feuch, dh’fheith mi re’r briathraibh; dh’éisd mi re’r reusonaibh, gus an do rannsaich sibh ciod a theireadh sibh. 12 Seadh, thug mi fa’near sibh: agus feuch, cha robh aon agaibh a dhearbh an aghaidh Iob, no a thug freagradh air a bhriathraibh. 13 Air eagal gu’n abradh sibh, Fhuair sinn a mach gliocas: is e Dia a thilgeas sìos e, cha ’n e duine. 14 A nis cha do chuir e a bhriathran an ordugh a’m’ aghaidhse; agus le bhur foclaibh-se (1) cha fhreagair mise e. 15 Bha uamhas orra; cha do fhreagair iad ni bu mhò; sguir iad do labhairt. 16 Agus dh’fheith mi, ach cha do labhair iad: ach sheas iad, agus cha do fhreagair iad ni bu mhò. 17 Freagairidh mise mar an ceudna mo chuid féin; nochdaidh mise mar an ceudna mo bharail. 18 Oir a ta mi làn do bhriathraibh; a ta spiorad mo chuim ’gam éigneachadh. 19 Feuch a ta mo chom mar fhìon gun dol as aige: mar shearraga nuadha, tha e ullamh gu bhi air a reubadh. 20 Labhraidh mi, agus bithidh lasachadh (2) agam; fosgailidh mi mo bhilean, agus freagairidh mi. 21 Na gabham-sa, guidheam ort, re gnùis duine air bith; agus re duine na labhram gu miodalach. 22 Oir cha’n aithne dhomhsa cainnt mhiodalach: nam b’aithne, gu h-aithghearr bheireadh mo Chruith-fhear air falbh mi. CAIB. XXXIII. UIME sin, a Iob, cluinn, guidheam ort, mo bhriathra (3), agus éisd re m’fhoclaibh uile. 2 Feuch, a nis dh’fhosgail mi mo bheul; labhair mo theanga ann am bheul. 3 O ionracas mo chridhe thig mo bhriathra; agus labhraidh mo bhilean eòlas gu soilleir. 4 Rinn spiorad Dhé mi, agus thug anail an Uile-chumhachdaich beatha dhomh. 5 Ma’s urrainn thu, freagair mi, cuir do bhriathran an ordugh a’m’ làthair, seas suas. 6 Feuch, a ta mise, mar a ta thu féin o Dhia (4); as a’ chréidh dhealbhadh mise mar an ceudna. 7 Feuch, cha chuir m’uamhas-sa eagal ort, agus cha bhi mo làmh trom ort. 8 Gu cinnteach labhair thu a’m’ éisdeachd, agus chuala mi guth [do] bhriathar. 9 Glan a ta mi, gun eusaontas; neo-chiontach a ta mi, agus cha ’n’eil euceart annam. 10 Feuch, tha e faghail chùisean (5) a’m’ aghaidh; tha e ’gam mheas mar a nàmhaid. (1) uirghiol-sa. (2) anail, fois. (3) mo chainnt, m’uirghiol. (4) a ta mise, a réir do ghuidhe, an àit Dhé. (5) chion-fàth. [TD 159] CAIB. XXXIV. 11 Tha e a’ cur mo chos e anns a’ cheap; tha e a’ geur-amharc air mo cheumaibh gu léir. 12 Feuch, an so cha ’n’eil thu ceart: freagairidh mi thu gur mò Dia na duine. 13 C’ar son a chuireas tu ’na aghaidh; oir ann an aon air bith d’a nithibh cha d’thoir e cunntas (1)? 14 Oir aon uair labhraidh Dia, agus an dara uair cha’n amhairc e thairis air (2). 15 Ann an aisling, ann an sealladh (3) na h-oidhche, ’nuair a thuiteas codal trom air daoinibh, ’nuair a bhios iad ’nan suain air an leabaidh. 16 An sin fosgailidh e cluasan dhaoine, agus seulaichidh e an teagasg. 17 Chum gu tarruing e duine o a dheanadas (4), agus gu’m folaich e uabhar o dhuine; 18 Gu’n cum e anam o’n t-slochd, agus a bheatha o sgrios leis a’ chlaidheamh. 19 Oir smachdaichear e le péin air a leabaidh, agus lìonmhoireachd a chnàmh le péin làidir: 20 Air chor as gu’n gabh a bheatha gràin do aran, agus anam do bhiadh deagh-bhlasda. 21 Caithear fheoil air chor as nach faicear i; agus a chnàmha nach facas, seasaidh a mach. 22 Agus tairngidh anam am fagus do’n uaigh, agus a bheatha do na milltearaibh. 23 Ma bhios teachdaire aige, eadar-theangair, aon am measg mhìle, a nochdadh ionracais do dhuine: 24 An sin gabhaidh e truas deth, agus their e, Saor e o dhol sìos do’n t-slochd: fhuair mi éiric (5). 25 Bithidh fheoil ni’s ùire na feoil leinibh: thig e air ais gu laithibh òige. 26 Ni e urnuigh re Dia, agus gabhaidh e gu caoimhneil (6) ris, agus chi e a ghnùis le gairdeachas; oir ìocaidh e do dhuine ionracas. 27 Amhaircidh e air daoinibh, agus ma their aon duine (7), Pheacaich mi, agus chlaon mi an ni a bha ceart, agus cha robh e chum tairbhe dhomh. 28 Saoraidh e anam (8) o dhol sìos do’n t-slochd, agus chi a (9) bheatha solus. 29 Feuch, na nithe sin uile oibrichidh Dia gu minic (10) a thaobh duine. 30 A thoirt anama air ais o’n t-slochd, gu bhi air a shoillseachadh le solus nam beo. 31 Thoir fa’near, a Iob, éisd rium, bi d’thosd, agus labhraidh mi. 32 Ma ta bheag agad r’a ràdh, freagair mi: labhair, oir bu mhiann leam do shaoradh (11). 33 Mur ’eil, éisd thusa riumsa: bi d’ thosd, agus teagaisgidh mise dhuit gliocas. CAIB. XXXIV. A thuilleadh air so fhreagair Elihu, agus thubhairt e, (1) cha fhreagair e. (2) seadh, dà uair, ge nach d’thoir duine fa’near e. (3) taisbeanadh. (4) a rùn. (5) luach-saoraidh, fuasgladh. (6) bàigheil. (7) agus their e. (8) Shaor e m’anam. (9) mo. (10) tri uairean. Eabh. (11) do ghlanadh. [TD 160] IOB. CAIB. XXXIV. 2 Cluinnibh mo bhriathra, a dhaoine glice, agus éisdibh rium, sibhse aig am bheil eòlas. 3 Oir dearbhaidh a’ chluas briathran, agus blaisidh am beul biadh. 4 Ròghnaicheamaid dhuinn féin breitheanas: biodh fios againn eadaruinn féin ciod an ni a ta maith. 5 Oir thubhairt Iob, A ta mi ionraic, agus thug Dia air falbh mo bhreitheanas. 6 Ann am bhreitheanas tha mu air mo mhealladh (1): tha mo lot do-leighis, as eugmhais eusaontais. 7 Cia an duine a ta cosmhuil re Iob, a dh’òlas suas magadh mar uisge? 8 A dh’imicheas ann an cuideachd luchd-dheanamh na h-euceirte, agus a shiubhlas le droch dhaoinibh. 9 Oir thubhairt e, Cha ’n’eil tairbhe ann do dhuine tlachd a ghabhail ann an Dia. 10 Uime sin éisdibh rium, sibhse a dhaoine tuigseach: Fada gu robh aingidheachd o Dhia, agus euceart o’n Uile-chumhachdach. 11 Oir gnìomh duine ìocaidh e dha, agus bheir e air gach duine gu faigh e a réir a shlighe. 12 Seadh, gu cinnteach cha dean Dia gu h-aingidh, agus cha chlaon an t-Uile-chumhachdach breitheanas. 13 Cò a chuir an talamh fuidh a chùram? agus cò a shuidhich an domhan uile? 14 Ma chuireas e a chridhe air (2), ma chruinnicheas e d’a ionnsuidh féin a spiorad agus anail; 15 Bàsaichidh gach uile fheoil le chéile, agus pillidh an duine a rìs do’n duslach. 16 A nis ma ta tuigse agad, cluinn so, éisd re guth mo bhriathar. 17 An riaghail esan féin aig am bheil fuath do cheartas? agus an dìt thu esan a’s ro-cheirte? 18 An abrar re righ, Tha thu aingidh? re daoinibh urramach (3), Tha sibh aindiadhaidh? 19 Ris-san nach gabh re gnùis uachdarana, agus nach meas an saibhir ni’s mò na’m bochd? oir is iad uile oibre a làmh. 20 Gu h-obann gheibh iad bàs, agus mu mheadhon-oidhche cuirear an sluagh fa bhuaireas (4), agus siubhlaidh iad: agus bheirear an cumhachdach air falbh gun làmh. 21 Oir a ta a shùilean air slighibh duine, agus chi e a cheumanna gu léir. 22 Cha ’n’eil dorchadas no sgàile bàis ann, far am folaich luchd-dheanamh na h-aingidheachd iad féin. 23 Oir cha leag e tuilleadh ’sa’ chòir air duine, chum gu’n rachadh e am breitheanas re Dia. 24 Brisidh e sìos daoine cumhachdach gun àireamh, agus cuiridh e suas daoine eile ’nan àit. 25 Uime sin is aithne dha an gnìomharan, agus tilgidh e (1) An deanainn breug an aghaidh mo cheirt? (2) air duine. (3) uachdaranaibh, ard-uaislibh. (4) fo thriobloid. [TD 161] IOB. CAIB. XXXV. bun os cionn iad san oidhche, agus sgriosar iad. 26 Mar dhroch dhaoinibh buailidh se iad ann an sealladh soilleir dhaoine eile: 27 A chionn gu’n do thionndaidh iad air an ais uaith, agus nach d’thug iad fa’near aon air bith d’a shlighibh; 28 Air chor as gu’n d’thug iad air glaodh nam bochd teachd d’a ionnsuidh, agus gu’n cual e glaodh nan truaghan. 29 An uair a bheir esan fois, cò a ni buaireas (1)? agus an uair a dh’fholaicheas e a ghnùis, cò a chi e? ma’s ann a thaobh cinnich, no a thaobh duine a mhàin. 30 A chum nach rìoghaich duine a bhios ’na chealgair, air eagal gu’m biodh an sluagh air an ribeadh. 31 Gu cinnteach re Dia tha e iomchuidh r’a ràdh, Ghiùlain mi smachdachadh, cha chiontaich mi ni’s mo. 32 An ni nach léir dhomh, teagaisg thusa dhomh: ma rinn mi aingidheachd, cha dean mi sin ni’s mò. 33 An ann a réir do thoile-sa bu choir an ni a bhi? dìolaidh se e, ma dhiultas tusa, oir is tu féin a ròghnaicheas, agus cha mhise; uime sin an ni a’s aithne dhuit labhair. 34 Innseadh daoine tuigseach dhomh, agus éisdeadh duine glic rium. 35 Labhair Iob gun eòlas, agus bha a bhriathran as eugmhais gliocais. 36 Is e mo mhiann Iob a bhi air a dhearbhadh chum na crìche, air son a fhreagraidhean le daoinibh aingidh. 37 Oir tha e a’ cur ceannairce r’a pheacadh, a’ bualadh a bhas ’nar measg, agus a’ deanamh a bhriathra lìonmhor an aghaidh Dhé. CAIB. XXXV. FHREAGAIR Elihu a rìs, agus thubhairt e, 2 An saoil thusa so a bhi ceart, gu’n dubhairt thu, Tha m’fhìreantachd-sa os cionn fireantachd Dhé? 3 Oir thubhairt thu, Ciod an tairbhe bhios ann dhuitse? agus, Ciod a’ bhuannachd a bhios ann domhsa, ma shaorar mi o m’ pheacadh? 4 Freagairidh mise thu, agus do chompanaich maille riut. 5 Amhairc air na nèamhaibh, agus feuch; agus faic na neoil a’s airde na thu. 6 Ma pheacaicheas tu, ciod a ni thu ’na aghaidh-san? agus ma dh’fhàsas t’eusaontais lìonmhor, ciod a ni thu air-san? 7 Ma bhios tu ionraic, ciod a bheir thu dha-san? no ciod a gheibh e o d’ làimh? 8 Feudaidh t’aingidheachd cron a dheanamh do dhuine mar a ta thusa, agus t’fhìreantachd a bhi tarbhach do mhac an duine. 9 Glaodhaidh iadsan a tha air an sàrachadh le mòran, éighidh iad air son gairdein na mòr chuideachd (2). 10 Ach cha ’n abair aon neach, C’àit am bheil Dia mo (1) a chuireas tuairgne. (2) nan daoine mòra. [TD 162] IOB. CAIB. XXXVI. Chruith-fhear, a tha tabhairt dhàn seachad san oidhche? 11 A tha ’gar teagasg ni’s mò na ainmhidhean na talmhainn, agus ’gar deanamh ni’s glice na eunlaith nan speur. 12 An sin éighidh iad (ach cha fhreagair neach air bith iad) air son uabhair dhroch dhaoine. 13 Gu cinnteach cha ’n éisd Dia re dìomhanas, agus cha bhi meas aig an Uile-chumhachdach air. 14 Ge do their thu nach faic thu e, tha breitheanas ’na làthair; uime sin earb thusa as. 15 Ach a nis a chionn nach ’eil e mar sin, dh’fhiosraich e ’na chorruich, gidheadh ni h-aithne dha sin ann an deuchainn (1) mhòir. 16 Uime sin fosglaidh Iob a bheul gu dìomhain: ni e briathra lìonmhor gun eòlas. CAIB. XXXVI. AGUS chaidh Elihu air aghaidh, agus thubhairt e, 2 Leig dhomh beagan, agus nochdaidh mi dhuit gu bheil fathast ni agam re labhairt air son Dhé. 3 Tairngidh (2) mi m’eòlas o chéin, agus do m’ Chruthadair bheir mi ceartas. 4 Oir gu cinnteach cha bhi mo bhriathra breugach: tha esan a ta iomlan ann an eòlas maille riut. 5 Feuch, tha Dia cumhachdach, agus cha dean e tàir; cumhachdach ann an neart, le gliocas. 6 Cha ghléidh e beo an t-aingidh, ach bheir e ceartas do na bochdaibh. 7 Cha tarruing e a shùilean o’n ionracan; ach a ta iad le righribh air an righ-chathair, agus daingnichidh e iad gu bràth, agus ardaichear iad. 8 Agus ma bhios iad ceangailte an geimhlibh, ma ghlacar iad ann an cordaibh àmhghair; 9 An sin nochdaidh e dhoibh an obair agus an eusaontais, gu’n robh iad anbarrach. 10 Agus fosgailidh e an cluas chum fòghluim, agus àithnidh e dhoibh pilltinn o euceart. 11 Ma dh’éisdeas iad ris agus ma ni iad seirbhis da, caithidh iad an laithean ann an saibhreas, agus am bliadhnan ann an subhachas. 12 Ach mur éisd (3) iad, cuirear as doibh leis a’ chlaidheamh, agus gheibh iad bàs gun eòlas. 13 Ach carnaidh na cealgairean sa’ chridhe suas fearg: cha ’n éigh iad an uair a cheanglas e iad. 14 Gheibh iad bàs ’nan òige, agus tha am beatha am measg nan neo-ghlan. 15 Saoraidh e am bochd ’na àmhghar; agus fosgailidh e an cluasan ’nan sàrachadh. 16 Eadhon mar sin dh’atharraicheadh e thusa a meadhon teanntachd gu àite farsaing, far nach ’eil teanntachd air bith, agus bhiodh na chuirte air do bhord làn do shaill. 17 Ach choimhlion thu breitheanas an aingidh: gabhaidh breitheanas agus ceartas greim dhìot. (1) cionta. (2) Togaidh. (3) géill. [TD 163] IOB. CAIB. XXXVII. 18 A chionn gu bheil fearg riut, tabhair an aire nach d’thoir e air falbh thu le a bhuille: an sin cha saor éiric (1) mhòr thu. 19 Am meas e do shaibhreas? cha mheas, no òr, no uile neart cumhachd. 20 Na miannaich an oidhche ’nuair a ghearrar as sluagh ’nan àit. 21 Tabhair an aire nach claon thu gu euceart (2); oir so ròghnaich thu thar àmhghar. 22 Feuch, ardaichidh Dia le a chumhachd: cò a theagaisgeas cosmhuil ris-san? 23 Cò a dh’fhiosraich (3) a shlighe? agus cò a dh’fheudas a ràdh, Rinn thu euceart? 24 Cuimhnich gu’n ardaich thu obair-san, a chi daoine. 25 Chi na h-uile dhaoine i: chi duine i o chéin. 26 Feuch, tha Dia mòr, agus cha’n aithne dhuinn e, agus cha rannsaichear a mach àireamh a bhliadhnacha. 27 Oir ni e meanbh na braoin uisge: taomaidh iad a nuas uisge a réir a cheò, 28 A shileas na neoil; frasaidh iad air an duine gu pailt. 29 A bhàrr air so an urrainn neach air bith sgaoileadh nan neul a thuigsinn, no fuaim a phàilliuin? 30 Feuch, sgaoilidh e a sholus air, agus còmhdaichidh e ìochdar na fairge. 31 Oir leo sin bheir e breth air an t-sluagh, bheir e biadh seachad am pailteas. 32 Le a làmhaibh (4) còmhdaichidh e an solus, agus àithnidh e dha teachd a rìs. 33 Nochaidh an fhuaim aige a thaobh sin, an spréidh mar an ceudna a thaobh na théid suas (3). CAIB. XXXVII. MAR an ceudna uime so chriothnaich mo chridhe, agus charaicheadh as àit e. 2 Eisdibh gu furachar re fuaim a ghutha, agus an torman a théid a mach as a bheul. 3 Fuidh na nèamhaibh uile stiùbhraidh se e, agus a dhealanach gu crìochaibh na talmhainn. 4 ’Na dhéigh sin beucaidh guth: ni e tairneanach (6) le guth a mhòralachd, agus cha chum e air an ais iad an uair a chluinnear a ghuth. 5 Ni Dia tairneanach le a ghuth gu h-iongantach; ni e nithe mòra do-thuigsinn. 6 Oir ris an t-sneachda their e, Bi-sa air an talamh; mar an ceudna ris an uisge mheanbh, agus re uisge mòr a neirt. 7 Air làimh gach duine cuiridh e seula, chum gu’n aithnich na h-uile dhaoine obair-san. 8 Agus théid na fiadh-bheathaiche steach d’an garaidh, agus ’nan àitibh-tàimh luidhidh iad. 9 As an airde deas thig an ioma-ghaoth (7), agus fuachd as an airde tuath. 10 Le h-anail Dhé bheirear reodhadh, agus cumhaingichear leud nan uisgeacha. (1) fuasgladh. (2) na tabhair spéis do euceart. (3) a dh’orduich. (4) neulaibh. (5) a’ cheò. (6) tairneinichidh no tairnichidh e. (7) a’ chuairt-ghaoth. [TD 164] IOB. CAIB. XXXVIII. 11 Mar an ceudna le h-uisgeachadh sgìthichidh e an neul tiugh: sgaoilidh e a neul soillseach. 12 Agus tionndaidhear mu’n cuairt e le a chomhairle; chum gu’n dean iad ge b’e ni a dh’àithneas e dhoibh air aghaidh a’ chruinne-ché. 13 Bheir e air teachd, ma’s ann a chum smachdachaidh, no air son fhearainn, no air son tròcaire: 14 Eisd re so, a Iob: seas, agus tabhair fa’near oibre iongantach Dhé. 15 Am bheil fios agad c’uin a dh’orduich Dia iad, agus a thug e air solus a neoil dealrachadh? 16 Am bheil fios agad air cothromachadh nan neul, air oibribh iongantach an ti a ta iomlan ann an eòlas? 17 Cionnas a ta t’eudach blàth, ’nuair a chiuinichear (1) an talamh leis a’ ghaoith a deas? 18 An do sgaoil thu mach maille ris-san na speura, a ta làidir, mar sgàthan leaghta? 19 Nochd dhuinn ciod a their sinn ris: cha’n urrainn sinn ar cainnt a chur an ordugh a thaobh dorchadais. 20 An innsear dha ’nuair a labhras mi? ma labhras duine, gu cinnteach sluigear suas e. 21 Agus a nis cha ’n fhaic daoine an solus dealrach ata anns na neulaibh: ach siubhlaidh a’ ghaoth, agus glanaidh si iad. 22 As an airde tuath thig soinionn (2): aig Dia tha mòrachd uamhasach. 23 An t-Uile-chumhachdach, cha ’n urrainn sinn fhaghail a mach: tha e òirdheirc ann an cumhachd, agus am breitheanas, agus an làn cheartas: cha sàraich e. 24 Uime sin bithidh eagal air daoinibh roimhe: cha bhi meas aige air duine sam bith a bhios glic an cridhe. CAIB. XXXVIII. AN sin fhreagair an Tighearn Iob as a’ chuairt-ghaoith (3), agus thubhairt e, 2 Cò e so a tha dorchachadh comhairle le briathraibh gun eòlas? 3 Criosraich a nis mar fhear do leasraidh, agus feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi. 4 C’àit an robh thu ’nuair a leag mise bunaite na talmhainn? innis, ma ta tuigse agad. 5 Cò a shuidhich a thoimhsean, ma’s aithne dhuit? no cò a shìn an snàithne-tomhais air? 6 Ciod air am bheil a bhunaitean air an daingneachadh, no cò a leag a chlach-oisinne; 7 ’Nuair a sheinn reulta na maidne cuideachd, agus a rinn uile mhic Dhé gairdeachas? 8 No cò a dhruid a stigh an fhairge le dorsaibh, ’nuair a bhris i mach mar gu’n d’thigeadh i as a’ bhroinn; 9 An uair a rinn mi neul ’na thruscan d’i, agus tiugh dhorch- (1) ’nuair a shìothaicheas e. (2) deadh aimsir; òr. (3) ioma-ghaoith. [TD 165] IOB. CAIB. XXXVIII. adas ’na chrios-spaoilidh (1) d’i? 10 Agus a bhris mi suas d’i m’àite suidhichte, agus a rinn mi dh’i crannan agus dorsan; 11 Agus a thubhairt mi, Gu ruig so thig thu, ach cha d’thig ni’s faide, agus an so coisgear do thonna uaibhreacha? 12 O thoiseach do laithean an d’thug thu àithne do’n mhaduinn? an d’thug thu fios a h-àite do’n scarthanaich (2)? 13 A chum greim a ghabhail (3) do chrìochaibh na talmhainn, agus gu’n crathta na h-aingidh as. 14 Tionndaidhear e mar chriadh ris an t-seula, agus seasaidh iadsan mar eudach. 15 Agus cumar an solus o na h-aingidh, agus brisear an gairdean ard. 16 An deachaidh tu steach gu tobraichibh na fairge? no ann an rannsachadh an dubhaigein (4) an d’imich thu? 17 An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis duit? no’m faca tu dorsa sgàile a’ bhàis? 18 An d’thug thu fa’near leud na talmhainn? innis, ma’s aithne dhuit e uile. 19 C’àit am bheil an t-slighe anns an còmhnuich an solus? agus an dorchadas, c’àit am bheil ionad-san? 20 Gu’n gabhadh tu e g’a chrìch, agus gu’m b’aithne dhuit na ceuman a dh’ionnsuidh a thighe? 21 An aithne dhuit e, a chionn gu’n d’rugadh tu an sin, no gu bheil àireamh do bhliadhnacha mòr? 22 An deachaidh tu steach gu ionmhasaibh an t-sneachdaidh? no’m faca tu ionmhasa na cloiche-meallain (5)? 23 A thaisg mise fa chomhair aimsire na teanntachd, fa chomhair latha a’ chatha agus a’ chogaidh. 24 Cia an rathad a dhealaichear an solus, a sgaoileas a’ ghaoth an ear air an talamh? 25 Cò a roinn sruth-chlais airson na tuile, agus slighe airson dealanaich (6) na tairneanaich; 26 A thoirt air frasadh air an talamh far nach ’eil duine, air an fhàsach gun duine ann; 27 A shàsachadh an fhàsaich agus an dìothreabh, agus a thoirt air cinneas (7) an lus mhaoth fàs suas? 28 Am bheil athair aig an uisge? no cò a ghin braoin an drùchda? 29 A broinn cò an d’thàinig an eigh (8)? agus liath-reodhadh nan speur, cò a ghin e? 30 Mar chloich tha na h-uisgeacha air an cruadhachadh (9), agus aghaidh na doimhne air reodhadh. 31 Am feud thusa cumhachda milse Phleiades (10) a cheangal, no ceanglaichean Orioin (11) fhuasgladh? 32 An d’thoir thu mach Madsarot ’na àm? no an stiuir (1) ’na chrios-pasgaidh. (2) chamhaoir. (3) gus an gabh thu greim. (4) na doimhne. (5) cloich-shneachdaidh. (6) theintich. (7) ùras. (8) deigh. (9) air am folachadh. (10) Chimah. Eabh. (11) Chesil. Eabh. [TD 166] IOB. CAIB. XXXIX. thu Arcturus maille r’a mhacaibh? 33 An aithne dhuit reachda nan nèamh? an suidhich thu an uachdaranachd air an talamh? 34 An tog thu suas a dh’ionnsuidh nan neul do ghuth, air chor as gu’n còmhdaich pailteas uisgeacha thu? 35 An cuir thu uait dealanaich, agus an d’théid iad, agus an abair iad riut, Tha sinn an so? 36 Cò a chuir gliocas san taobh a stigh (1)? no cò a thug tuigse do’n chridhe? 37 Cò a dh’àirmheas na neoil an gliocas? no cò a choisgeas searraga nan nèamh; 38 ’Nuair a dh’fhàsas an duslach ’na mheall cruaidh, agus a dhlùth-leanas na fòide re chéile? 39 An sealg thusa cobhartach do’n leòmhan bhoirionn, agus an sàsaich thu cìocras (2) nan leòmhan òga; 40 ’Nuair a chrùbas iad ’nan garaidh, a dh’fhanas iad ann an sgàile chum feall-fheitheamh? 41 Cò a sholaras do’n fhitheach a lòn? an uair a dh’éigheas an t-àl òg aige re Dia, théid iad air iomroll (3) a chion bìdh. CAIB. XXXIX. AN aithne dhuitse an t-àm anns am beir gabhair fhiadhaich na carraige? an d’thoir thu fa’near c’uin a bheireas na h-eilde laoigh? 2 An urrainn thu na mìosan àireamh a choimhlionas iad, agus an aithne dhuit an t-àm anns am beir iad? 3 Cromaidh siad iad féin, beiridh iad an àl, tilgidh iad dhiubh an do-bròn. 4 Tha an àl an culaidh mhaith, tha iad a’ fàs suas anns na cluainibh (4); théid iad a mach, agus cha phill iad d’an ionnsuidh. 5 Cò a chuir a mach an t-asal fiadhaich saor, agus cò a dh’fhuasgail ceanglaiche an asail fhiadhaich? 6 D’an d’rinn mi a thigh do’n fhàsach, agus àite-còmhnuidh do’n fhearann neo-thorach. 7 Ni e tarcuis air mòr shluagh a’ bhaile: re éigheach an fhir-ghreasaidh cha ’n éisd e. 8 Rannsaichdidh e na sléibhte chum ionaltraidh, agus siridh e ’n déigh gach ni uaine (5). 9 Am bi an t-aonadharcach (6) toileach air seirbhis a dheanamh dhuit? am fan e aig do phrasaich? 10 An ceangail thu an t-aonadharcach le chuing anns a’ chlais? no’n cliath e na gleannta a’d’ dhéigh? 11 An earb thu as, a chionn gur mòr a neart; no ’m fàg thu t’obair dha? 12 An creid thu e gu’n aisig e (7) do shìol, agus gu’n cruinnich se e do d’ urlar-bualaidh (8)? (1) sna h-airnibh. (2) miann; anam. Eabh. (3) seacharan. (4) le h-arbhar. (5) glas. (6) an sròn-adharcach, am buabhul. (7) gu’n tabhair e stigh. (8) do d’ shabhal. [TD 167] IOB. CAIB. XL. 13 An tusa thug sgiathan breagha do na peucagaibh (1)? no sgiathan agus iteach (2) do’n struth (3); 14 A dh’fhàgas a h-uibhean san talamh, agus a bhlàthaicheas iad san duslach, 15 Agus a dhi-chuimhnicheas gu’m feud cos am bruthadh, no fiadh-bheathach na macharach am briseadh? 16 Cruadhaichear i ’n aghaidh a h-àlaich, mar nach bu leatha iad: dìomhain tha a saothair gun eagal; 17 A chionn gu’n do dhiùlt Dia dh’i gliocas, agus nach do roinn e tuigse rithe. 18 Ge b’e uair a thogas si i féin an aird, ni i tàir air an each, agus air a mharcach. 19 An d’thug thusa neart do’n each? an d’eudaich thu a mhuineal le tairneanaich? 20 An dean thu gealtach e mar an leumnach-uaine (4)? is uamhasach glòir a chuinneine (5). 21 Bùraichidh (6) e le chois anns a’ ghleann, agus ni e gairdeachas ’na neart: théid e air aghaidh an coinneamh an airm. 22 Ni e magadh air eagal, agus cha bhi uamhann air, agus cha phill e air ais o fhaobhar (7) a’ chlaidheimh. 23 Ni ’m balg-saighid torman ’na aghaidh, an t-sleagh loinreach agus an gath (8). 24 Le gairge agus feirg cladhaichidh (9) e ’n talamh; agus cha chreid e gur i fuaim na trompaide a ta ann. 25 Am meadhon fuaim na trompaide their e, Ha, ha, agus fad as gabhaidh e boladh a’ chatha, tairneanaich nan ceannard, agus na h-iolaiche. 26 An ann le d’ ghliocas-sa a dh’itealaicheas an t-seabhag, a shìneas i a sgiathan a làimh na h-airde deas? 27 An ann air t-àithne-sa a dh’éireas an iolaire suas, agus a ni i a nead gu h-ard? 28 Gabhaidh i còmhnuidh anns a’ charraig, agus fanaidh i air scor (10) na carraige, agus anns an daingneach. 29 As sin iarraidh i cobhartach: chi a sùilean fad as. 30 Agus sùgaidh a h-àlach (11) suas fuil; agus far am bi na mairbh, an sin bithidh ise. CAIB. XL. A thuilleadh air so fhreagair an Tighearn Iob, agus thubhairt e, 2 An teagaisg esan a ni stri ris an Uile-chumhachdach? esan a thagras re Dia, freagradh e air a shon. 3 Agus fhreagair Iob an Tighearn, agus thubhairt e, 4 Feuch, tha mi gràineil; ciod a fhreagras mi dhuit? cuiridh mi mo làmh air mo bheul. 5 Aon uair labhair mi, ach cha fhreagair mi; seadh, dà uair, ach cha ’n abair mi tuilleadh. 6 An sin fhreagair an Tigh- (1) renanim. Eabh. (2) cleiteach. (3) ostrich. Sasg. (4) fionnan-feoir, dreolan teasbhuidh. (5) a phollairean. (6) Cladhaichidh. (7) aghaidh. Eabh. (8) an sgiath. (9) stuigidh e suas. (10) fiacail. Eabh. (11) eoin òga. [TD 168] IOB. CAIB. XLI. earn Iob as a’ chuairt-ghaoith, agus thubhairt e, 7 Criosraich a nis mar dhuine do leasraidh: feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi (1). 8 An d’thoir thusa mo bhreitheanas-sa gu neo-ni? an dìt thu mise, chum gu saorar thu féin? 9 Am bheil gairdean agad cosmhuil re Dia? no’n dean thu tairneanach le guth cosmhuil ris-san? 10 Sgeadaich thu féin a nis le mòrachd agus le h-òirdheirceas, agus eudaich thu féin le glòir agus maise. 11 Taom (2) a mach fraoch t’fheirge, agus faic gach neach a ta uaibhreach, agus irioslaich e. 12 Faic gach neach a ta uaibhreach, ìslich e, agus saltair sìos na droch dhaoine ’nan àit. 13 Folaich iad san duslach le chéile, ceangail an aghaidhean an dìomhaireachd. 14 An sin mar an ceudna aidichidh mise dhuit, gu’n saor do dheas làmh féin thu. 15 Feuch a nis Behemot, a rinn mise maille riut; ithidh e feur mar dhamh. 16 Feuch a nis, tha a neart ’na leasraidh, agus a spionnadh ann an iomlaig a bhronn. 17 Gluaisidh e earrball mar sheudar: tha féithean-luthaidh a shléisdean ceangailte r’a cheile. 18 Tha a chnàmha làidir mar umha; tha a chnàmha mar chrannaibh iaruinn. 19 Is e tùs shlighean Dhé e: an ti a chruthaich e, feudaidh esan a chlaidheamh a thoirt am fagus da. 20 Gu cinnteach bheir na sléibhte dha feur, far am bi uile bheathaiche na macharach re sùgradh (3). 21 Fuidh na crannaibh dubharach luidhidh e, am folach na cuilce agus na làthaich. 22 Còmhdaichidh na cranna dubharach e le’n sgàile: cuairtichidh seileach an t-sruthain e. 23 Feuch, thig abhainn gu cruaidh air, agus cha dean e deifir: bithidh dòchas aige ’nuair a thig Iordan a mach g’a bheul (4). 24 ’Na shùilibh (5) an glac duine e? le dubhanaibh (6) an toll e a shròn? CAIB. XLI. AN tarruing thu mach Lebhiatan le dubhan, no a theanga le cord a leigeas tu sìos? 2 An cuir thu cromag ’na shròin, agus le deilg (7) an toll thu a ghial? 3 An dean e mòran aslachaidh ort? an labhair e briathra mìne riut? 4 An dean e coimhcheangal riut? an gabh thu e mar sheirbhiseach gu bràth? 5 An dean thu cluicheadh ris mar re h-eun? no’n ceangail thu e do d’ ghruagachaibh? 6 An dean na companaich (1) thoir thusa fios domh. (2) Tilg. (3) mire, cluicheadh. (4) òlaidh e suas abhainn, agus cha bhi cabhag air: is dòigh leis gu’n tarruing e suas Iordan ’na bheul. (5) na shealladh. (6) ann an ribeachaibh. (7) bior. [TD 169] IOB. CAIB. XLI. cuirm dheth? an roinn iad e am measg nan ceannuiche? 7 An lìon thu le gathaibh a chroicionn, no le morghathaibh éisg a cheann? 8 Cuir do làmh air, cuimhnich an cath, na dean tuilleadh. 9 Feuch, is dìomhain a dhòchas-san: eadhon aig a shealladh nach tilgear duine sìos? 10 Nach borb e ’nuair a dhùisgeas neach e (1)? agus cò esan a sheasas ’na làthair (2)? 11 Cò a ghabh romham (3), agus gu’n dìolainn? gach ni a ta fuidh na nèamhaibh uile, is leamsa e. 12 Cha cheil mi a bhuill, no a neart, no a dhealbh sgiamhach. 13 Cò a dh’fhoillsicheas aghaidh eudaich? cò a thig d’a ionnsuidh le shrian dùbailte? 14 Cò a dh’fhosgaileas dorsan aghaidh? tha fhiaclan uamhasach mu’n cuairt. 15 Is iad a lannan uaill, dùinte suas le chéile mar le seula daingean; 16 Aon air a cur re h-aon eile, air chor as nach d’thig deò eatorra. 17 Tha iad air an tàthadh re chéile; tha iad a’ dlùth-leantuinn re chéile, agus cha ghabh iad dealachadh. 18 Le a shitrich soillsichidh solus; agus tha a shùilean cosmhuil re rosgaibh na maidne. 19 As a bheul théid leusa (4); leumaidh srada teine a mach. 20 A cuinneanaibh a shròine thig deatach a mach, mar a poit air ghoil no coire. 21 Lasaidh anail gual, agus théid lasair a mach as a bheul. 22 ’Na mhuineal còmhnuichidh neart, agus roimhe ruithidh bròn (5). 23 Tha filleachan (6) fheòla a’ leantuinn re chéile: tha iad daingean ionnta féin; cha ghabh iad gluasad. 24 Tha a chridhe cruaidh mar chloich, cruaidh eadhon mar chloich-mhuilinn ìochdraich. 25 An uair a thogas se e féin suas, bithidh na cumhachdaich fa gheilt: air eagal brisidh glanaidh siad iad féin. 26 Cha seas claidheamh an ti a bheanas ris; an t-sleagh, an gath, no’n lùireach (7). 27 Measaidh e mar chonlaich an t-iarunn, mar fhiodh grod an t-umha. 28 Cha d’thoir an t-saighead (8) air teicheadh; ’nan conlaich tionndaidhear leis clachan a’ chroinn-tàbhuill. 29 Mar chonlaich measar gathan (9); agus ni e gàire re crathadh sleagha. 30 Fuidhe tha clacha geura: sgaoilidh e nithe geura air an làthaich. 31 Bheir e air an doimhne bhi air ghoil mar choire: an fhairge ni e mar phoit ol’-ungaidh. 32 ’Na dhéigh bheir e air a (1) Cha ’n’eil neach ann cho-bhorb as gu’n dùisg se e. (2) a’m’ làthair. (3) a chuidich leam. (4) lòchrain lasarra. (5) ni bròn gairdeachas, tionndaidhear bròn gu gairdeachas ’na làthair. (6) sleantach. (7) uchd, éididh. (8) mac a’ bhogha. Eabh. (9) totach. Eabh. [TD 170] IOB. CAIB. XLII. shlighe soillseachadh: saoilidh neach an t-aigean a bhi liath. 33 Air thalamh cha ’n’eil a shamhuil, a rinneadh as eugmhais eagail. 34 Chi e gach ni ard: tha e ’na righ os cionn uile chloinne an uabhair. CAIB. XLII. AN sin fhreagair Iob an Tighearn, agus thubhairt e, 2 Tha fios agam gur urrainn thusa gach ni a dheanamh, agus nach ceilear smuaineadh air bith ort. 3 Cò esan a cheileas comhairle gun eòlas? uime sin chuir mi ’n céill nithe nach do thuig mi; nithe tuilleadh ’s iongantach air mo shon-sa, nach b’aithne dhomh. 4 Eisd, guidheam ort, agus labhraidh mi: feòraichidh mi dhìot, agus foillsich thusa dhomh. 5 Le éisdeachd na cluaise chuala mi thu: ach a nis chunnaic mo shùil thu. 6 Uime sin gabhaidh mi gràin dìom féin, agus ni mi aithreachas ann an duslach agus an luaith. 7 Ach an déigh do’n Tighearn na briathra sin a labhairt re Iob, thubhairt an Tighearn re Eliphas an Temanach, Tha m’fhearg air a lasadh a’t’ aghaidh-sa agus an aghaidh do dhithis cairde, a chionn nach do labhair sibh a’m’ thaobh-sa (1) an ni a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob. 8 Agus uime sin gabhaibh dhuibh féin seachd tairbh òga agus seachd reitheacha, agus rachaibh a dh’ionnsuidh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt-loisgte air bhur son féin, agus ni m’òglach Iob ùrnuigh air bhur son, oir ris-san (2) gabhaidh mi; chum nach buin mi ribh a réir bhur n-amaideachd, a chionn nach do labhair sibh a’m’ thaobh-sa an ni a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob. 9 Agus chaidh Eliphas an Temanach agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearn dhoibh; agus ghabh an Tighearn re Iob. 10 Agus thionndaidh an Tighearn braighdeanas Iob, an uair a rinn e ùrnuigh air son a chairde: agus thug an Tighearn do Iob a dhà uiread ’sa bha aige roimhe. 11 Agus thàinig a bhràithrean uile d’a ionnsuidh, agus a pheathraichean uile, agus iadsan uile d’am b’aithne e roimhe, agus dh’ith iad aran maille ris ’na thigh; agus bha truas aca dheth, agus thug iad comhfhurtachd dha thaobh an uilc uile a thug an Tighearn air: agus thug iad dha gach aon diubh bonn airgid, agus gach aon diubh cluas-fhàinne òir. 12 Agus bheannaich an Tighearn deireadh Iob ni’s mò na a thoiseach; agus bha aige ceithir mìle deug caora, agus sè mìle càmhal, agus mìle cuing dhamh, agus mìle asal bhoirionn. (1) umam-sa, a’m’ làthair-sa. (2) r’a ghnùis-san. Eabh. [TD 171] IOB. CAIB. XLII. 13 Agus bha aige seachd mic, agus triùr nighean. 14 Agus thug e Iemima mar ainm air a’ cheud nighinn, agus Cesiah mar ainm air an dara, agus Ceren-hapuch mar ainm air an treas nighinn. 15 Agus cha d’fhuaradh mnài cho-sgiamhach re nigheanaibh Iob anns an tìr uile; agus thug an athair dhoibh oighreachd am measg am bràithre. 16 Agus bha Iob beo ’na dhéigh so ceud agus dà fhichead bliadhna; agus chunnaic e a mhic, agus mic a mhac, ceithir ginealaich. 17 Agus fhuair Iob bàs ’na sheann duine, agus làn do laithibh. [TD 172] LEABHAR NAN SALM. SALM I. IS beannuichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an caithir luchd fanoid: 2 Ach aig am bheil tlachd ann an lagh (1) an Tighearna, agus a smuainicheas air a laghsan a là agus a dh’oidhche. 3 Bithidh e mar chraoibh suidhichte làimh re sruthaibh uisge, a bheir a mach a toradh ’na h-aimsir, agus nach caill a duille: agus soirbhichidh leis gach ni a ni e. 4 Cha’n ann mar sin a bhios na h-aingidh; ach mar mholl a sgapas a’ghaoth. 5 Air an aobhar sin cha seas na h-aingidh ann am breitheanas, no peacaich ann an coimhthional nam firean. 6 Oir is aithne do’n Tighearna (2) slighe nam firean; ach sgriosar slighe nan aingidh. SALM II. C’ARSON a ghabh na cinnich boile, agus a smuainich na slòigh ni dìomhain? 2 C’arson a dh’éirich righre na talmhainn, agus a ghabh na h-uachdarain comhairle le chéile, an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh Aoin ungta-san, ag ràdh, 3 Briseamaid o chéile an cuibhreach, agus tilgeamaid dhinn an cuing (3)? 4 An ti a ta ’na shuidhe air nèamh, ni e gàire; ni an Tighearna fochaid orra. 5 An sin labhraidh e riu ’na fheirg; agus ’na chorruich cuiridh e uamhann orra: 6 Gidheadh dh’ung (4) mise mo Righ air Sion, mo shliabh naomha-sa. 7 Cuiridh mi ’n céill ordugh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhacsa; an diugh ghin mi thu. 8 Iarr orm, agus bheir mi dhuit na cinnich mar oighreachd, agus crìocha na talmhainn mar sheilbh. 9 Brisidh tu iad le slait iaruinn; mar shoitheach criadhadair, pronnaidh tu iad ’nam bloighdibh. 10 A nis ma ta, a righre, bithibh glic; gabhaibh fòghlum, a bhreitheamhna na talmhainn. 11 Deanaibh seirbhis do’n Tighearna le h-eagal, agus deanaibh gairdeachas le ball-chrith. 12 Pògaibh am Mac (5), air eagal gu’m bi fearg air, agus gu sgriosar sibh san t-slighe, ’nuair a lasas ach gu beag a chor- (1) reachd. (2) is taitneach leis an Tighearn. (3) an cuird. (4) shuidhich. (5) Thugaibh ùmhlachd do’n mhac. [TD 173] SALM III. IV. V. ruich. Is beannuichte iadsan uile a dh’earbas as. SALM III. Salm le Daibhidh, ’nuair a theich e roimh Absalom a mhac. A Thighearn, nach lìonmhor a dh’fhàs mo naimhdean? is iomadh iad a tha ’g éirigh a’m’ aghaidh. 2 Is iomadh iad a their re m’anam, nach ’eil furtachd aige ann an Dia. Selah. 3 Ach a ta thusa, a Thighearn, a’d’ sgéith dhomhsa; mo ghlòir, agus fear-togalach mo chinn. 4 Lem’ ghuth dh’éigh mi ris an Tighearn, agus dh’éisd e rium as a shliabh naomha. Selah. 5 Luidh mi sìos, agus choidil mi; dhùisg mi, oir chum an Tighearna suas mi. 6 Cha’n eagal leam deich mìle sluagh, a chuir iad fèin a’m’ aghaidh air gach taobh. 7 Eirich, a Thighearn; saor mi, O mo Dhia: oir bhuail thu mo naimhdean uile air an gial; bhris thu fiacla nan aingidh. 8 Is leis an Tighearn an fhurtachd: air do shluagh tha do bheannachd. Selah. SALM IV. Do’n ard fhear-ciuil air Neginot. Salm le Daibhidh. ’NUAIR a dh’éigheas mi, éisd rium, a Dhé m’ionracais; ’nuair a bha mi ann an teinn, dh’fhuasgail thu orm; dean tròcair orm, agus éisd re m’ùrnuigh. 2 A chlann nan daoine, cia fhad a thionndaidheas sibh mo ghlòir chum nàire (1)? a ghràdhaicheas sibh dìomhanas, a shireas sibh an déigh bhreug? Selah. 3 Ach biodh fios agaibh gu’n do ròghnuich an Tighearn an duine naomh dha fein: éisdidh an Tighearn, an uair a dh’éigheas mi ris. 4 Biodh eagal oirbh, agus na peacaichibh: labhraibh r’ar cridhe air bhur leabaidh, agus bithibh tosdach. Selah. 5 Iobraibh ìobairtean ionracais, agus earbaibh as an Tighearn. 6 Tha mòran ag ràdh, Cò nochdas dhuinn ni maith? Tog oirnne solus do ghnùise, a Thighearna. 7 Chuir thu aoibhneas ann am chridhe, ni’s mò na ’nuair is pailte an arbhar agus am fion-san. 8 An sìth araon luidhidh mi, agus coidlidh mi; oir is tusa mhàin, a Thighearn, a bheir orm còmhnuidh ghabhail gu téaruinte. SALM V. Do’n ard fhear-ciuil air Nechilot. Salm le Daibhidh. REM’ bhriathraibh éisd, a Thighearn; beachdaich air mo smuaintibh. 2 Thoir an aire do ghuth mo ghlaoidh, mo Righ, agus mo Dhia; oir riutsa ni mi ùrnuigh. 3 A Thighearn, air maduinn cluinnidh tu mo ghuth; air maduinn deasaichidh mi mi fein a’d’ lathair (2), agus amhaircidh mi suas. (1) cia fhad a bhios sibh trom an cridhe? car son. (2) stiùraidh mi m’urnuigh a’d’ ionnsuidh. [TD 174] SALM VI. VII. 4 Oir cha Dia thusa aig am bheil tlachd an aingidheachd, agus cha chòmhnuich an t-aingidh (1) maille riut. 5 Cha seas na h-amadain a’d’ làthair: is fuath leat uile luchd-deanamh an uilc. 6 Sgriosaidh tu luchd-labhairt bhreug: is gràin leis an Tighearn an duine fuileachdach agus cealgach. 7 Ach air mo shonsa, ann an lìonmhoireachd do thròcaire, thig mi steach do d’ thigh; sleuchdaidh mi aig do theampull naomha (2), ann ad eagal. 8 A Thighearn, treòruich mi ann ad fhìreantachd: air sgàth mo naimhde, dean do shlighe dìreach romham: 9 Oir cha ’n’eil ceart (3) ’nam beul; is fior aingidheachd an taobh a stigh dhiubh; is uaigh fhosgailte an sgornan; ni iad miodal le’n teangaidh. 10 Sgrios (4) iad, a Dhé; tuiteadh iad le’n comhairle féin: air son lìonmhoireachd an eucearta tilg a mach iad; oir rinn iad ceannairc a’d’ aghaidh. 11 Ach deanadh iadsan uile aoibhneas a chuireas an dòigh annad: gu bràth deanadh iad iolach, a chionn gu’n dìon thu iad: agus deanadh iadsan luathghaire annad, leis an ionmhuinn t’ainm. 12 Oir beannuichidh tusa am firean, a Thighearna: le deadh-ghean cuairtichidh tu e, mar le sgéith. SALM VI. Do’n ard fhear-ciuil air Neginot air Seminit. Salm le Daibhidh. A Thighearn, ann ad chorruich na cronuich mi, agus ann ad fheirg na smachdaich mi. 2 Gabh truas dìom, a Thighearn, oir ata mi lag: slànuich mi, a Thighearn, oir a ta mo chnàmhan air an cràdh, 3 Agus a ta m’anam air a chràdh gu mòr: ach thusa, a Thighearn, cia fhad? 4 Pill, a Thighearna, fuasgail m’anam: saor mi, air sgàth do thròcaire. 5 Oir anns a’ bhàs cha ’n’eil cuimhne ort: anns an uaigh cò bheir dhuit cliu (5)? 6 Tha mi sgìth le m’osnaich; rè na h-oidhche tha mi cur mo leabaidh air snàmh; le m’ dheuraibh uisgicheam m’uirigh. 7 Caithear le dubhachas mo shùil; fásaidh i sean, air son m’eascairde gu léir. 8 Imichibh uam, sibhse uile a luchd deanamh na h-euceirt, oir chual an Tighearn guth mo chaoidh. 9 Chual an Tighearn m’athchuinge; gabhaidh an Tighearna re m’ ùrnuigh. 10 Cuirear gu nàire agus gu mòr amhluadh mo naimhde gu léir: pilleadh iad, cuirear gu h-obann gu nàire iad. SALM VII. Sigaion le Daibhidh, a sheinn e do’n Tighearna, thaobh bhriathar Chuis a’ Bheniaminich. A Thighearna mo Dhia, annad cuiream mo dhòigh: saor mi uatha-san uile a tha’n tòir orm, agus teasairg mi: 2 Air eagal mar leòmhan gu’n reub e m’anam, ’ga liodairt, gun neach a shaoras. 3 A Thighearna mo Dhia, (1) olc. (2) le m’aghaidh re d’ lùchairt naomha. (3) firinn. (4) Dìt. (5) buidheachas. [TD 175] SALM VIII. ma rinn mi so; ma tha lochd a’m’ làmhaibh; 4 Ma dh’ìoc mi olc do’n fhear a bha an sìth rium, no ma rinn mi foirneart air-san a bha ’na eascaraid domh gun aobhar (1), 5 Geur-leanadh an nàmhaid m’anam, agus glacadh se e, agus saltradh e mo bheatha gu làr, agus leagadh e mo chliu san duslach. Selah. 6 Eirich, a Thighearn, a’t’ fheirg; tog suas thu féin air son corruich mo naimhdean, agus mosgail air mo shon chum na breth a dh’àithn thu. 7 An sin cuairtichidh coimhthional an t-sluaigh thu; air an sonsan uime sin pill gu h-ionad ard. 8 Bheir an Tighearna breth air an t-sluagh: thoir breth orm, a Thighearn, a réir m’fhìreantachd, agus a réir m’ionracais a ta annam. 9 Thigeadh crìoch air aingidheachd nan aingidh, ach daingnich thusa am firean: oir dearbhaidh tu na cridheachan agus na h-airnean, a Dhé chothromaich (2). 10 Is e Dia mo sgiath, a shaoras iadsan a tha ceart an cridhe. 11 Is Breitheamh cothromach Dia, agus bithidh Dia am feirg ris a’ chiontach gach là. 12 Mur pill e, geuraichidh e a chlaidheamh: chuir e a bhogha air lagh, agus dheasaich se e. 13 Agus dh’ulluich e air a shon innil bàis: dhealbh e a shaighdean an aghaidh luchd geur-leanmhuinn (3). 14 Feuch, tha e re saothair le h-euceart, ghin e olc, agus rug e breug. 15 Dh’fhosgail e slochd, agus chladhaich se e, agus thuit e féin anns a’ chlais a rinn e. 16 Pillidh ’olc (4) air a cheann féin, agus thig fhoirneart a nuas air a chloigionn féin. 17 Molaidh mise an Tighearn a réir a cheartais; agus seinnidh mi cliu do ainm an Tighearna a’s ro-airde. SALM VIII. Do’n ard fhear-ciuil air Gitit. Salm le Daibhidh. O Iehobhah ar Tighearn, cia òirdheirc t’ainm air feadh na talmhainn uile? a shocraich do ghlòir os cionn nan nèamh. 2 A beul naoidhean agus chìochran dh’orduich thu neart, air son do naimhde, chum gu coisgeadh tu an nàmhaid agus an dioghaltach. 3 ’Nuair a dh’amhairceas mi air do nèamhaibh, obair do mheur; air a’ ghealaich agus na reultaibh, a shuidhich (5) thu; 4 Cò e an duine gu’m biodh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gu’m fiosraicheadh tu e? 5 Rinn thu e beagan ni b’ìsle na na h-aingil, agus chrùn thu e le glòir agus le h-urram. 6 Thug thu uachdaranachd dha air oibribh do làmh: chuir thu gach ni fa chosaibh; 7 Caoraich agus buar uile, agus mar an ceudna ainmhidhean na macharach; 8 Eunlaith nan speur, agus (1) (seadh, theasairg mi an ti a bha ’na nàmhaid domh gun aobhar.) (2) oir dearbhaidh an Dia cothromach na cridheachan agus na h-airnean. (3) luchd tòrach, luchd dìobhargaidh. (4) a olc. (5) dh’orduich, dheasaich. [TD 176] SALM IX. X. iasg na mara, a shiubhlas air slighibh nan cuan. 9 O Iehobhah, ar Tighearn, cia òirdheirc t’ainm air feadh na talmhainn uile? SALM IX. Do’n ard fhear-ciuil air Mutlaben. Salm le Daibhidh. MOLAIDH mi thu, a Thighearn, le m’uile chridhe; cuiridh mi’n céill t’oibre iongantach gu léir. 2 Ni mi aoibhneas agus gairdeachas annad; seinnidh mi cliu do t’ainm, O Thi a’s airde. 3 ’Nuair a phillear mo naimhdean air an ais, tuitidh iad agus théid as doibh a t’fhianuis: 4 Oir sheas thu dhomh mo chòir agus mo chùis; shuidh thu air do righ-chaithir, a’ toirt breth le ceartas. 5 Smachdaich thu na cinnich, sgrios thu na h-aingidh; chuir thu as d’an ainm gu saoghal nan saoghal. 6 Chaidh crìoch air sgrios an nàmhaid am feasd; leag thu sìos am bailte mòra: théid as d’an cuimhne maille riu féin. 7 Ach mairidh an Tighearna gu sìorruidh: dheasaich e a righ-chaithir chum breitheanais. 8 Agus bheir esan breth air an t-saoghal am fireantachd, ni e breitheanas do’n t-sluagh an ceartas. 9 Agus bithidh an Tighearna ’na dhaingneach do’n ti a shàruichear, ’na dhaingneach ann an aimsiribh teanntachd. 10 Agus cuiridh iadsan d’an aithne t’ainm an dòigh annad: oir cha tréig thusa, a Thighearn, iadsan a dh’iarras thu. 11 Seinnibh cliu do’n Tighearn a chòmhnuicheas ann an Sion, aithrisibh am measg nan cinneach a ghnìomhara. 12 ’Nuair a ni e rannsachadh air fuil, cuimhnichidh e orra; cha di-chuimhnich e glaodh nam bochd. 13 Dean tròcair orm, a Thighearn; amhairc air m’àmhghar a tha mi fulang uatha-san le’m fuathach mi, O thusa a tha ga m’ thogail suas o gheataibh a’bhàis; 14 Chum gu foillsich mi do chliu uile ann an geataibh nighinn Shioin: ni mi gairdeachas ann ad shlàinte. 15 Thuit na cinnich sìos anns an t-slochd a rinn iad: anns an lìon a dh’fholaich iad, chaidh an cos féin an sàs. 16 Aithnichear an Tighearna sa’ bhreitheanas a rinn e: ann an gnìomh a làmh féin ribear an t-aingidh. Higaion. Selah. 17 Cuirear na h-aingidh gu h-ifrinn (1), na cinnich uile nach cuimhnich Dia. 18 Oir cha di-chuimhnichear an t-ainnis (2) gu bràth; cha d’théid as do dhòchas nam bochd gu sìorruidh. 19 Eirich, a Thighearn, na buadhaicheadh duine; thugar breth air na cinnich a’t’ fhianuis. 20 Cuir, a Thighearn, eagal orra; chum gu’n aithnich na cinnich nach ’eil annta féin ach daoine. Selah. SALM X. C’AR son, a Thighearn, a sheasas tu fad o làimh? a dh’fholaicheas tu thu féin ann an aimsiribh teanntachd? (1) Pillear na h-aingidh do’n uaigh. (2) an t-uireasbhuidheach. [TD 177] SALM XI. 2 ’Na uabhar geur-leanaidh an t-aingidh am bochd (1): glacar iad sna h-innleachdaibh a dhealbh iad. 3 Oir ni an t-aingidh ràiteachas a miann a chridhe; agus molaidh e an duine sanntach, a’s beag air Dia. 4 Ann an uabhar a ghnùise cha’n iarr an t-aingidh Dia: cha’n’eil ’na uile smuaintibh. 5 Tha a shlighean doilgheasach anns gach àm; tha do bhreitheanais ard as a shealladh: thaobh a naimhdean uile, ni e tarcuis orra (2). 6 Thubhairt e ’na chridhe, Cha ghluaisear mi, gu bràth cha bhi mi ann an àmhghar. 7 Tha a bheul làn do mhallachadh, agus do cheilg, agus do mhealltaireachd: fo theangaidh tha donas agus dìomhanas. 8 Suidhidh e ann an ionadaibh-folaich nam bailte beaga: ann an àitibh dìomhair mortaidh e an neo-chiontach: tha a shùillean ann an uaignidheas a’ dearcadh air a’ bhochd. 9 Ni e feall-fholach gu dìomhair, mar leòmhan ’na gharaidh: ni e feall-fholach chum gu’n glac e an duine bochd: glacaidh e an duine bochd, ’ga tharruing ’na lìon. 10 Crùbaidh e, cromaidh e sìos, agus tuitidh am bochd le dhaoinibh làidir (3). 11 Thubhairt e ’na chridhe, Dhi-chuimhnich Dia; dh’fholaich e a ghnùis, cha léir dha sud am feasd. 12 Eirich, a Thighearna Dhé, tog suas do làmh; na di-chuimhnich na daoine bochda (4). 13 C’ar son a rinn an t-aingidh tàir air Dia? a thubhairt e ’na chridhe, Cha’n iarr thu e? 14 Chunnaic thu e; oir is léir dhuit donas agus mìorun, chum an dìoladh le d’ làimh: ortsa fàgaidh an duine bochd e féin; is tu fear-cuideachaidh an dilleachdain. 15 Bris thusa gairdean an aingidh, agus an droch dhuine; rannsaich a mach aingidheachd gus nach faigh thu i. 16 Tha’n Tighearna ’na Righ gu saoghal nan saoghal: sgriosadh (5) na cinnich a mach as a thìr. 17 A Thighearn, chuala tu miann nan daoine bochd (6): deasaichidh tu an cridhe; bheir thu air do chluais éisdeachd: 18 A chumail ceirt ris an dilleachdan agus ris an truaghan, chum nach dean duine o’n ùir foirneart ni’s mò. SALM XI. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. AS an Tighearn earbam: c’ar son a their sibh re m’anam, Teich as mar eun, gu d’ shliabh (7)? 2 Oir feuch, chuir na h-aingidh bogha air lagh; ghleus iad an saighead air sreing, chum tilgeadh san dorcha orra-san a ta ceart ’nan cridhe. 3 Ma sgriosar na bunaitean, ciod a ni am firean? 4 Tha’n Tighearn ’na theampull naomh; tha righ-chaithir an (1) an truaghan. (2) séididh e orra. (3) ’na ionadaibh làidir. (4) truagh, iriosal. (5) sgriosar. (6) truagh, iriosal. (7) Teich as do na beanntaibh, mar eun. [TD 178] SALM XII. XIII. Tighearna anns na nèamhaibh: chi a shùilean, rannsaichidh (1) a rosgan clann nan daoine. 5 Rannsaichidh an Tighearn am firean; ach an t-aingidh, agus esan a thug spéis do fhoirneart, is fuath le anam. 6 Frasaidh e air na h-aingidh ribeachan (2), teine agus pronnusc, agus doinionn uamhasach, mar chuibhrionn an cupain. 7 Oir is ionmhuinn leis an Tighearna cheart ceartas: amhaircidh a ghnùis air an duine ionraic. SALM XII. Do’n ard fhear-ciuil air Seminit. Salm le Daibhidh. CUIDICH leam, a Thighearn, oir cha ’n’eil duine diadhuidh ann; oir theirig (3) na h-ionraic o mheasg chloinn nan daoine. 2 Labhraidh iad dìomhanas (4) gach neach r’a choimhearsnach: le bilibh miodalach, le cridhe dùbailte (5) labhraidh iad. 3 Sgathaidh an Tighearna na bilean miodalach uile, an teanga a labhras nithe mòra; 4 Iadsan a thubhairt, Le’r teangaidh buaidhichidh sinn; is leinn féin ar bilean: cò a ta ’na thighearn os ar cionn? 5 Air son foirneirt nam bochd, air son osnaich nan ainnis (6), a nis éiridh mi, ars’ an Tighearn: cuiridh mi e ann an tèaruinteachd uaithesan a bhagras ’na aghaidh (7). 6 Is briathra fior-ghlan, briathran an Tighearna; mar airgiod air a dhearbhadh ann an àmhuinn chreadha, air a ghlanadh seachd uairean. 7 Gleidhidh tusa sinn (8), a Thighearn; dìonaidh tu sinn (9) o’n ghinealach so gu bràth. 8 Gluaisidh na h-aingidh air gach taobh, ’nuair a dh’arduichear iadsan a’s suaraiche do chloinn nan daoine. SALM XIII. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. CIA fhad, a Thighearn, a dhi-chuimhnicheas tu mi? an ann gu bràth? Cia fhad a dh’fholaicheas tu do ghnùis uam? 2 Cia fhad a ghabhas mi comhairle ann am anam, bròn ann am chridhe gach là? Cia fhad a dh’arduichear mo nàmhaid os mo chionn? 3 Amhairc orm, éisd rium, a Thighearna mo Dhia: soillsich mo shùilean, air eagal gu’n coidil mi chum bàis (10): 4 Air eagal gu’n abair mo nàmhaid, Bhuadhaich mi ’na aghaidh; gu’n dean m’eascairdean gairdeachas an uair a dh’aomar mi. 5 Ach dh’earb mise as do thròcair; ni mo chridhe gairdeachas ann ad shlàinte. 6 Seinnidh mi do’n Tighearn, a chionn gu’n do bhuin e rium gu fial: [agus seinnidh mi cliu do ainm an Tighearna a’s ro-airde.] (1) dearbhaidh. (2) eibhlean. (3) dh’fhàilnich. (4) breug. (5) le cridhe dà-fhillte; cridhe agus cridhe. Eabh. (6) air son glaoidh nam feumach. (7) le’m b’àill a ribeadh. (8) iad. (9) e, iad. (10) gu’n coidil mi codal a’bhàis. [TD 179] SALM XIV. XV. XVI. SALM XIV. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. THUBHAIRT an t-amadan ’na chridhe, Cha ’n’eil Dia ann. Tha iad truaillidh; rinn iad oibre gràineil; cha ’n’eil neach ann a ni maith. 2 Dh’amhairc an Tighearn a nuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ’g iarraidh Dhé. 3 Chlaon iad uile, tha iad gu léir air fàs salach: cha ’n’eil neach ann a ni maith, cha ’n’eil eadhon aon. 4 Nach ’eil eòlas aca-san uile a tha deanamh na h-eucorach, a tha’g itheadh suas mo shluaigh, mar a dh’itheadh iad aran, agus nach gairm air an Tighearn? 5 An sin ghabh iad eagal mòr, a chionn gu bheil Dia ann an ginealach nam firean. 6 Nairich iad (1) comhairle an duine bhochd, a chionn gur e’n Tighearn a thearmunn. 7 O gu d’thigeadh slàinte Israeil a mach a Sion! An uair a bheir an Tighearn air ais braighdeanas (2) a shluaigh, ni Iacob gairdeachas, ni Israel aoibhneas. SALM XV. Salm le Daibhidh. A Thighearn, cò dh’fhanas ann ad phàilliun? cò chòmhnuicheas air do shliabh naomha? 2 Esan a ghluaiseas gu h-ionraic, agus a ni ceartas, agus a labhras an fhìrinn ’na chridhe; 3 Nach dean cùl-chàineadh le theangaidh, nach dean olc d’a charaid (3), agus nach tog droch sgeul air a choimhearsnach; 4 Leis an suarach an droch dhuine (4), ach a bheir urram dhoibhsan air am bi eagal an Tighearna; a mhionnuicheas chum a challdaich féin (5), agus nach caochail; 5 Nach cuir ’airgiod a mach air ocar (6), agus nach gabh duais an aghaidh an neo-chiontaich. Esan a ni na nithe sin, cha ghluaisear gu bràth e. SALM XVI. Michtam le Daibhidh. GLEIDH mi, a Dhé, oir chuir mi mo dhòigh annad. 2 Thubhairt mi (7) re Iehobhah, Is tu mo Thighearn: cha ruig mo mhaitheas ortsa. 3 A thaobh nan naomh (8) a ta air an talamh, agus nam flath; tha mo thlachd uile annta. 4 Meudaichear an doilgheasan dhoibhsan a ni deifir (9) an déigh dhé eile: cha ’n ìobair mi an ìobairtean-dibhe do fhuil, agus cha luadh mi air an ainmibh le m’ bhilibh (10). 5 Is e an Tighearna cuibhrionn m’oighreachd agus mo chupain: is tusa a chumas suas mo chrannchur. 6 Thuit mo roinn (11) dhomhsa ann an ionadaibh aoibhneach; seadh, tha oighreachd thaitneach agam. 7 Beannuichidh mise an Tighearn, a thug comhairle orm: (1) sibh. (2) braighdean. (3) chompanach, choimhearsnach. (4) ’Na shùilibh am bi an droch dhuine tàireil. Eabh. (5) a mhionnuicheas d’a charaid. (6) an-riadh. (7) Thubhairt thu, O m’anam. (8) Ach air na naoimh. (9) cabhag. (10) cha ghabh mi an ainmean air mo bhilibh. (11) na crìocha; na sreanga-tomhais. Eabh. [TD 180] SALM XVII. tha m’airne mar an ceudna ’gam theagasg an àm na h-oidhche. 8 Chuir mi an Tighearna romham a ghnàth: a chionn gu bheil e air mo dheas làimh, cha ghluaisear mi. 9 Uime sin ni mo chridhe aoibhneas, agus ni mo ghlòir gairdeachas: gabhaidh m’fheoil mar an ceudna fois ann an dòchas. 10 Oir cha’n fhàg thu m’anam (1) anns an uaigh; cha leig thu le t’aon naomha truaillidheachd fhaicinn. 12 Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha: tha lànachd aoibhneis a’d’ làthair-sa; tha mòr shubhachas aig do dheas laimh gu sìorruidh. SALM XVII. Urnuigh le Daibhidh. EISD re ceartas, a Thighearn, tabhair aire do m’ ghlaodh; cluinn m’urnuigh, a thig a mach cha’n ann a bhilibh cealgach. 2 O t’fhianuis thigeadh mo bhreth: faiceadh do shùilean nithe cothromach. 3 Dhearbh thu mo chridhe, dh’fhiosraich thu mi san oidhche; rannsuich thu mi, cha d’fhuair thu a’bheag: is e mo rùn nach ciontaich mo bheul. 4 A thaobh ghnìomhara dhaoine, le focal do bhilean sheachainn mi ceumanna (2) a’ mhillteir. 5 Cum suas mo cheumanna ann ad shlighibh, chum nach sleamhnuich mo chosan. 6 Ghairm mi ort, oir éisdidh tu rium, a Dhé; aom do chluas a m’ ionnsuidh, cluinn mo chainnt. 7 Taisbein do chaoimhneas iongantach, O thusa a shaoras led’ dheas laimh iadsan a dh’earbas asad, uatha-san a dh’éireas suas ’nan aghaidh. 8 Gléidh mi mar chloich na sùla, fuidh sgàile do sgiathan foluich mi. 9 O ghnùis nan droch dhaoine a tha re foirneart orm, naimhdean m’anama a tha ga m’ chuartachadh air gach taobh. 10 ’Nan saill tha iad air an druideadh suas: le’m beul labhraidh iad gu h-uaibhreach. 11 ’Nar ceum a nis chuairtich iad sinn: shuidhich iad an sùilean, a’ cromadh sìos gu làr. 12 Cosmhuil re leòmhan a tha gionach chum cobhartaich, agus re leòmhan òg a’ feitheamh ann an ionadaibh dìomhair. 13 Eirich, a Thighearn, cuir roimhe, leag sìos e, saor m’anam o’n aingidh le d’ chlaidheamh (3). 14 O dhaoinibh le d’ làimh, a Thighearn, o dhaoinibh an t-saoghail, d’am bheil an cuibhrionn sa’ bheatha so, agus d’an do lìon thu am brù le t’ionmhas: foluichte: sàsuichear an clann (4), agus fàgaidh iad am fuigheall d’an naoidheanaibh. 15 Air mo shonsa, ann am fireantachd chi mi do ghnùis: sàsuichear mi, ’nuair a dhùisgeas mi, le d’ chosamhlachd. (1) mo phearsa, mise. (2) thug mi fa’near ceumanna. (3) a tha ’na chlaidheamh dhuit. (4) tha iad làn cloinne. [TD 181] SALM XVIII. SALM XVIII. Dòn ard fhear-ciuil [Salm] le Daibhidh, òglach an Tighearna, a labhair ris an Tighearna briathra na laoidh so, san là air an do shaor an Tighearn e as làimh a naimhdean uile, agus as làimh Shauil, agus an dubhairt e: GRADHAICHIDH mi thu, a Thighearn, mo neart. 2 Is e an Tighearna mo charruig, agus mo dhaingneach, agus m’fhear-saoraidh: mo Dhia, mo chreag (1) anns an cuiream mo dhòchas, mo sgiath, agus adharc mo shlàinte, mo thùr ard. 3 Gairmidh mi air an Tighearn a’s airidh air cliu, agus o m’ naimhdibh saorar mi. 4 Chuairtich piantan a’ bhàis (2) mi, agus chuir tuilte dhroch dhaoine eagal orm. 5 Chuairtich piantan ifrinn (3) mi; ghabh lìontan a’ bhàis romham. 6 A’m’ éigin ghairm mi air an Tighearn, agus re m’ Dhia ghlaodh mi: chual e as a theampull mo ghuth, agus thàinig mo ghlaodh ’na làthair d’a chluasaibh. 7 An sin chrathadh agus chriothnuich an talamh, agus ghluaiseadh bunaitean nam beann agus chrathadh iad, a chionn gu’n robh corruich air. 8 Chaidh deatach suas as a shròin (4), agus dhian-loisg (5) teine as a bheul: lasadh eibhlean leis. 9 Agus lùb e na nèamhan, agus thuirling e nuas: agus bha dorchadas fuidh a chosaibh. 10 Agus mharcuich e air cherub, agus chaidh e air iteig: agus dh’itealaich e air sgiathaibh na gaoith. 11 Chuir e dorchadas mar ionad dìomhair mu’n cuairt air: bu phàilliun da, duibhre uisgeacha, neoil nan speur (6). 12 O’n dealradh a bha fa chomhair chaidh a neoil thairis; clacha-meallain agus eibhle teine (7). 13 Agus rinn an Tighearna tairneanach sna speuraibh, agus chuir an Ti a’s airde amach a ghuth (8). 14 Agus chuìr e mach a shaighdean, agus sgap e iad; agus thilg e mòran tein’-athair, agus chlaoidh e iad. 15 Agus chunncas aigein nan uisge (9), agus nochdadh bunaitean an domhain, le d’ achmhasansa, a Thighearn, le séideadh anaile (10) t’fheirge (11). 16 Chuir e nuas o’n airde, ghlac e mi, tharruing e mi a h-uisgibh lìonmhor (12). 17 Shaor e mi o m’ nàmhaid làidir, agus uatha-san a dh’fhuathaich mi; oir bu treise iad na mise. 18 Ghabh iad romham ann an latha m’àmhghair: ach bha’n Tighearna ’na chùl-taice dhomh. 19 Agus thug e mach mi gu ionad farsaing: shaor e mi, a chionn gu’n do ghabh e tlachd annam. (1) mo neart, mo dhìdean. (2) tonnan a’ bhàis, II. Sam. C. XXII, r. 5. (3) na h-uaighe. (4) ’na fheirg. (5) chnàmh, chaith, sgrios. (6) ann an neulaibh tiugh nan speur. (7) lasadh eibhlean teine. II Sam. C. XXII. r. 13. (8) a ghuth, le clochaibh meallain agus eibhlibh teine. (9) na fairge. (10) analach. (11) do shròine. (12) mòra. [TD 182] SALM XVIII. 20 Thug an Tighearna luigheachd dhomh a réir m’ionracais: a réir gloine mo làmh dhìol e dhomh. 21 Oir ghléidh mi slighean an Tighearna, agus cha do chlaon mi gu h-aingidh o m’ Dhia. 22 Oir bha a bhreitheanais uile a’m’ fhianuis; agus reachdan cha do chuir mi uam. 23 Agus bha mi ionraic ’na fhianuis, agus ghléidh mi mi féin o m’ aingidheachd. 24 Uime sin dhìol an Tighearna dhomh a réir m’ionracais, a réir gloine mo làmh ann an sealladh a shùl. 25 Do’n duine thròcaireach nochdaidh tu thu féin tròcaireach; do’n duine ionraic nochdaidh tu thu féin ionraic. 26 Do’n duine ghlan nochdaidh tu thu féin glan, agus do’n duine reasgach (1) nochdaidh tu thu féin reasgach. 27 Oir saoraidh tu an sluagh a ta fa àmhghar; ach na sùilean arda bheir thu nuas. 28 Oir lasaidh tusa mo lòchran, a Thighearn: soillsichidh mo Dhia mo dhorchadas. 29 Oir leatsa ruith (2) mi troimh bhuidhinn, agus le m’ Dhia leum mi thar balladh. 30 A thaobh Dhé, tha a shlighe iomlan: tha focal an Tighearna air a dhearbhadh: is sgiath e dhoibhsan uile a chuireas an dòchas ann (3). 31 Oir cò a’s Dia ann ach an Tighearn? agus cò a’s carraig ann ach ar Dia-ne? 32 Is e Dia a tha ’gam chrioslachadh le neart, agus a’ deanamh mo shlighe iomlan. 33 Tha e deanamh mo chosmar chosaibh eilde, agus ga m’ shocrachadh air m’àitibh arda. 34 Tha e ’g iunnsachadh mo làmh gu cath, air chor as gu’m brisear bogha umha (4) le m’ ghairdeinibh. 35 Agus thug thu dhomh sgiath do shlàinte: agus chum do dheas làmh suas mi, agus rinn do chaoimhneas mòr mi. 36 Rinn thu mo cheuma farsaing fodham, air chor as nach do shleamhnuich mo chosa. 37 Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra; agus cha do phill mi air m’ais gus an do chuir mi as doibh. 38 Lot mi iad, agus cha bhi ’n comas doibh éirigh: thuit iad so m’ chosaibh. 39 Oir chrioslaich thu mi le neart chum catha: leag thu sìos fodham iadsan a dh’éirich suas a’m’ aghaidh. 40 Agus thug thu dhomh mo naimhdean air mhuineal; iadsan a dh’fhuathaich mi, agus ghearr mi as iad. 41 Ghlaodh iad, ach cha robh fear-saoraidh ann; eadhon air an Tighearn, ach cha do fhreagair e iad. 42 An sin mhìn-phronn mi iad mar dhuslach (5) fa chomhair na gaoithe: mar chlàbar nan sràid bhrùth mi iad (6). 43 Shaor thu mi o chomh-stri an t-sluaigh; rinn thu mi a’m’ cheann air na cinnich: ni sluagh nach b’aithne dhomh, seirbhis dhomh. (1) dhoirbh, fhiata. (2) bhris. (3) dh’earbas as. (4) stàilinn, cruadhach. (5) luaithre. (6) thilg mi mach iad. [TD 183] SALM XIX. 44 Co luath ’sa chluinneas iad, géillidh iad dhomh: strìochdaidh coigrich dhomh (1). 45 Seargaidh coigrich as, agus bithidh eagal orra mach (2) as an àitibh daingne. 46 Is beo an Tighearn, agus gu ma beannuichte mo charraig-se! agus air ardachadh gu robh Dia mo shlàinte! 47 Is e Dia a ni dioghaltas air mo shon, agus a chuireas an sluagh fodham; 48 A shaoras mi o m’ naimhdibh. Seadh, os an cionn-san a dh’éireas suas a’m’ aghaidh togaidh tusa suas mi: o fhear an ainneart saoraidh tu mi. 49 Uime sin cliùthaichidh mi thu, a Thighearn, am measg nan cinneach, agus seinnidh mi do t’ainm. 50 Bheir esan saorsa mòr d’a righ, agus nochdaidh e tròcair d’a aon ungta féin, do Dhaibhidh agus d’a shliochd gu bràth. SALM XIX. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. CUIRIDH na nèamha an cèill glòir Dhé, agus nochdaidh speura gnìomh a làmh. 2 Tha là a’ deanamh sgéil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais a dh’oidhche. 3 Cha ’n’eil cainnt, cha ’n’eil briathra, anns nach cluinnear an guth. 4 Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim (3) a mach, agus am focail gu h-iomall an domhain. 5 Do’n ghréin chuir e pàilliun annta; agus tha i mar nuadh fhear-pòsda a’ teachd a mach a sheòmar; ni i gairdeachas mar ghaisgeach a ruith na slighe (4). 6 Tha a dol a mach o chrìch nan speur, agus a cuairt gu ruig an crìochaibh; agus cha ’n’eil ni air bith a dh’fholaichear o a teas. 7 Is iomlan lagh an Tighearna, ag iompochadh an anama; tha fianuis (5) an Tighearna cinnteach, a’ deanamh a’ bhaoghalta (6) glic. 8 Tha reachdan an Tighearna ceart, a’ deanamh a’ chridhe aoibhneach; tha àithne an Tighearna glan, a’ soillseachadh nan sùl. 9 Tha eagal an Tighearna fior-ghlan, a’ maireachduinn am feasd: is firinn breitheanais an Tighearna; tha iad gu h-iomlan cothromach. 10 Ni’s mò r’an iarruidh tha iad na’n t-òr, seadh, na mòran do’n òr fhìor-ghlan; agus ni’s milse na a’ mhil, seadh, na mhil a shileas as na cìribh-meala. 11 Os bàrr, tha do sheirbhiseach a’ faotainn (7) rabhaidh uatha: ’nan coimhead tha mòr dhuais. 12 Cò thuigeas a sheacharain? o lochdaibh dìomhair glan thusa mi. 13 Mar an ceudna o pheacaibh dànadais cum air ais t’òglach; na biodh ard-cheannas (8) aca orm: an sin bithidh mi ionraic, agus bithidh mi neo-chiontach o eusaontas (8) mòr. 14 Bitheadh briathra mo (1) ni coigrich breug dhomh. Eabh. (2) thig iad a mach le h-eagal. (3) an crìoch. Faic Rom. C. X. r. 18. (4) coimhlionga, réise. (5) teisteas. (6) an duine eu-céillidh, aon-fhillte, shimplidh. (7) faghail. Eir. (8) uachdaranachd. (9) pheacadh. [TD 184] SALM XX. XXI. bheoil, agus smuainte mo chridhe, taitneach a’d’ làthair, a Thighearna, mo charraig (1), agus m’fhear-saoraidh. SALM XX. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. GU’N éisdeadh an Tighearna riut ann an latha teanntachd! gu cumadh ainm Dhé Iacoib suas thu! 2 Gu cuireadh e cabhair thugad (2) as ionad naomha! agus a Sion gu neartaicheadh e thu! 3 Gu cuimhnicheadh e do thabhartasan uile, agus gu’n gabhadh e gu taitneach uait t’iobairt-loisgte! Selah. 4 Gu d’thugadh e dhuit a réir do chridhe féin, agus gu coimhlionadh e do chomhairle uile! 5 Ni sinne aoibhneas ann ad shlàinte, agus ann an ainm ar Dé-ne togaidh sinn suas ar bratach. Gu coimhlionadh Dia t’ìarrtuis uile! 6 Anis tha fios agam gu’n saor an Tighearn aon ungta féin: éisdidh e ris o nèamhaibh a naomhachd, le neart-saoraidh a dheas laimh. 7 Earbaidh cuid a carbadaibh, agus cuid a h-eachaibh; ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dé. 8 Dh’ìslicheadh iadsan, agus thuit iad; ach dh’éirich sinne, agus sheas sinn. 9 Saor an righ, a Thighearn; agus éisd ruinn san là a ghairmeas sinn (3). SALM XXI. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. ANN ad neart, a Thighearn, ni an righ aoibhneas: agus ann ad shlàinte cia mòr an gairdeachas a ni e? 2 Miann a chridhe thug thu dha; agus athchuinge a bhilean cha do dhiùlt thu dha. Selah. 3 Oir ghabh thu roimhe le beannachadh do mhaitheis; chuir thu m’a cheann coron do òr fior-ghlan. 4 Dh’iarr e beatha ort: thug thu dha fad laithean gu saoghal nan saoghal. 5 Is mòr a ghlòir trìd do shlàinte-sa: urram agus mòralachd chuir thu air. 6 Oir rinn thu e ro-bheannuichte gu bràth; rinn thu e ro-aoibhneach le d’ ghnùis. 7 Oir earbaidh an righ as an Tighearn; agus trìd thròcair an Ti a’s airde, cha ghluaisear e. 8 Gheibh do làmh a mach do naimhdean uile; gheibh do dheas làmh amach iadsan le’m fuathach thu. 9 Ni thu iad mar àmhuinn (4) theintich ann an àm t’fheirge; sluigidh an Tighearna sìos iad ’na chorruich, agus caithidh (5) an teine iad. 10 An toradh sgriosaidh tu o’n talamh, agus an sliochd o chloinn nan daoine. 11 Oir dhealbh iad olc a’t’ aghaidh; smuainich iad droch smuainte, nach b’urrainn iad a choimhlionadh. 12 Uime sin bheir thu orra (1) mo neart. (2) chugad, a’d’ ionnsuidh. (3) Fòir, a Thighearn; éisdeadh an righ ruinn, ’nuair a ghairmeas sinn. (4) Cuiridh tu iad ann an àmhuinn. (5) millidh. [TD 185] SALM XXII. an cùl a thionndadh; air sreangaibh do bhogha gleusaidh (1) tu do shaighdean ’nan aghaidh. 13 Bi air t’ardachadh, a Thighearn, ann ad neart: seinnidh sinne agus molaidh sinn do chumhachd. SALM XXII. Do’n ard fhear-ciuil air Ailet-sachar. Salm le Daibhidh. MO Dhia, mo Dhia, c’arson a thréig thu mi? fad o m’ ghlaodh (2), o bhriathraibh mo bhùiridh? 2 O mo Dhia! gairmeam san là, ach cha fhreagair thu; agus san oidhche, ach cha ’n’eil fois agam. 3 Ach a ta thusa naomha, a’d’ chòmhnuidh far am bheil cliu Israeil (3). 4 Asadsa dh’earb ar n-aithriche; dh’earb iad, agus shaor thu iad. 5 Riutsa ghlaodh iad, agus theasairgeadh iad; asadsa dh’earb iad, agus cha robh nàire orra. 6 Ach is cnuimh mise (4), agus cha duine; masladh dhaoine, agus tàir an t-sluaigh. 7 Ni iadsan uile a chi mi, gàire-fanoid rium; casaidh iad am beul, crathaidh iad an ceann, ag radh: 8 Chuir e a dhòigh anns an Tighearn, fuasgladh e air; saoradh se e, a chionn gu bheil tlachd aige ann. 9 Ach is tusa an ti a thug amach as a’ bhroinn mi; bu tu aobhar mo dhòchais, air cìch mo mhàthar. 10 Ortsa thilgeadh mi o’n bhroinn; o bhroinn mo mhàthar is tusa mo Dhia. 11 Na bi-sa fada uam, oir a ta àmhghar dhlùth dhomh, agus gun neach ann gu m’ chuideachadh. 12 Chuairtich mòran tharbh mi; dh’iadh tairbh làidir Bhasain umam. 13 Dh’fhosgail iad orm am beul, mar leòmhan reubach (5) agus beucach. 14 Mar uisge dhòirteadh mach mi, agus sgain mo chnàmhan uile o chéile: tha mo chridhe mar chéir, air leaghadh am meadhon mo chuim. 15 Air tiormachadh mar shoitheach creadha tha mo neart, agus tha mo theanga a’ leantuinn re m’ ghial; agus gu h-ùir a’ bhàis thug thu mi. 16 Oir chuairtich madraidh mi; dh’iadh coimhthional dhroch dhaoine umam: lot iad mo làmhan agus mo chosan. 17 Feudaidh mi mo chnàmhan uile àireamh: tha iadsan a’ sealltuinn, tha iad a’ geur-amharc orm. 18 Roinn iad mo thruscan eatorra, agus air mo bhrat thilg iad crannchur. 19 Ach na bi-sa, a Thighearn, fad uam: O thusa mo neart, greas gu m’ chabhair. 20 Teasairg m’anam o’n chlaidheamh, m’aon ghràdh (6) o neart (7) a’ mhadaidh. 21 Saor mi o bheul an leòmhain, agus o adharcaibh nam buabhull (8) teasairg mi (9). 22 Cuiridh mi’n céill t’ainm do m’ bhràithribh; ann am mea- (1) deasaichidh. (2) o m’fhurtachd. (3) Ach O thusa, a tha d’ chòmhnuidh san ionad naomha, cliu Israeil: (4) mar chnuimh a ta mise. (5) fuileachdach. (6) mo bheatha, mo phearsa. (7) o làimh. Eabh. (8) nan aon-adharcach, nan sròin-adharcach. (9) dh’éisd thu rium. [TD 186] SALM XXIII. XXIV. dhon a’ choimhthionail molaidh mi thu. 23 Sibhse air am bheil eagal Dé, molaibh e: sibhse uile, a shìol Iacoib, thugaibh glòir dha; agus biodh eagalsan oirbh, sibhse uile a shìol Israeil. 24 Oir cha do rinn e tàir air, agus cha do ghabh e gràin do àmhghar an truaghain (1), agus cha d’fholuich e a ghnùis air; ach an uair a ghlaodh e ris, dh’éisd e. 25 Ortsa bithidh mo mholadh anns a’ mhòr choimhthional: mo bhòidean ìocaidh mi ’nan làthair-san d’an eagal e. 26 Ithidh daoine macanta, agus sàsuichear iad: molaidh iadsan an Tighearn a dh’iarras e: bithidh an cridhe (2) beo gu bràth. 27 Cuimhnichidh air, agus pillidh a dh’ionnsuidh an Tighearna uile chrìocha na talmhainn, agus strìochdaidh uile theaghlaiche nan cinneach ’na làthair. 28 Oir is leis an Tighearn an rioghachd; agus tha esan ’na uachdaran air na cinnich. 29 Ithidh daoine reamhar (3) na talmhainn uile, agus ni iad aoradh: ’na làthairsan sleuchdaidh iadsan uile, a théid sìos do’n duslach; oir cha chum neach anam beo (4). 30 Ni sliochd (5) seirbhis dha: measar e do’n Tighearna mar ghinealach. 31 Thig iad, agus cuiridh iad an céill fhìreantachd do’n àl re teachd, gu’m b’esan a rinn sud (6). SALM XXIII. Salm le Daibhidh. IS e’n Tighearna mo bhuachaille: cha bhi mi ann an dìth. 2 Ann an cluainibh glas bheir e orm luidhe sìos: làimh re h-uisgibh ciuin treòraichidh e mi. 3 Aisigidh (7) e m’anam; treòraichidh e mi air slighibh na fireantachd air sgàth ainme féin. 4 Seadh, ge do shiubhail mi trìd ghlinn sgàile a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm; oir a ta thusa maille rium: bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh. 5 Deasaichidh tu bord fa m’ chomhair am fianuis mo naimhde: dh’ung thu le h-ola mo cheann; tha mo chupan a’ cur thairis. 6 Gu cinnteach leanaidh maith agus tròcair mi uile laithean mo bheatha, agus còmhnuichidh mi ann an tigh an Tighearna fad mo laithean (8). SALM XXIV. Salm le Daibhidh. IS leis an Tighearn an talamh, agus a làn; an domhan, agus iadsan a tha ’nan còmhnuidh ann. 2 Oir shuidhich e air na cuantaibh e, agus shocraich e air na sruthaibh e. 3 Cò théid suas gu sliabh an Tighearna? agus cò sheasas ’na ionad naomha-san? 4 Esan aig am bheil làmhan neo-chiontach agus cridhe glan, nach do thog anam re dìomhanas, agus nach do mhionnaich chum ceilge. (1) an duine bhochd. (2) bhur cridhe. (3) beartach. (4) agus bithidh m’anam beo dhasan. (5) mo shliochd. (6) oir rinn esan e. (7) iompoichidh. (8) gu bràth. [TD 187] SALM XXV. 5 Gheibh esan beannachadh o’n Tighearn, agus fireantachd o Dhia a shlàinte. 6 Is i so ginealach no droinge a dh’iarras e, a dh’iarras do ghnùis, a Dhia Iacoib. Selah. 7 Togaibh, a gheatacha, bhur cinn, agus bithibh air bhur togail suas, a dhorsa sìorruidh; agus thig Righ na glòire steach. 8 Cò e so Righ na glòire? An Tighearna làidir agus treun, an Tighearna treun an cath. 9 Togaibh suas bhur cinn, a gheatacha, agus bithibh air bhur togail suas, a dhorsa sìorruidh, agus thig Righ na glòire steach. 10 Cò e so Righ na glòire? Tighearna nan slògh, is esan Righ na glòire. Selah. SALM XXV. Le Daibhidh. RIUTSA, a Thighearn, togam m’anam suas. 2 Annadsa, mo Dhia, cuiream mo dhòchas; na nàraichear mi, agus na deanadh mo naimhdean gairdeachas os mo chionn. 3 Seadh, na nàraichear neach sam bith a dh’fheitheas ortsa; biodh nàire orra-san a chiontaicheas gun aobhar. 4 Nochd dhomh do shlighean, a Thighearn; teagaisg dhomh do cheumanna. 5 Treòraich mi ann ad fhìrinn, agus teagaisg mi; oir is tusa Dia mo shlàinte, agus ortsa tha mi feitheamh gach là. 6 Cuimhnich do chaomh thròcairean, a Thighearn, agus do chaoimhneasan gràdhach; oir tha iad ann o chian nan cian. 7 Peacanna m’òige, agus m’eusaontais, na cuimhnich thusa: a rèir do thròcaire bi-sa cuimhneach orm, air sgàth do mhaitheis, a Thighearn. 8 Is maith agus is dìreach an Tighearn; uime sin teagaisgidh e peacaich san t-slighe. 9 Treòraichidh e na daoine ciuin (1) ann am breitheanas; agus teagaisgidh e do na daoinibh ciuin a shlighe. 10 Is tròcair agus firinn uile shlighean an Tighearna, dhoibhsan a ghleidheas a choimhcheangal agus a theisteis. 11 Air sgàth t’ainme, a Thighearn, lagh mo chionta; oir a ta i mòr. 12 Cò e am fear air am bheil eagal an Tighearna? seòlaidh e esan san t-slighe a ròghnuicheas (2) e. 13 Ni anam tàmh ann am maith (3); agus mealaidh a shliochd an tìr. 14 Tha rùn an Tighearna aig an dream d’an eagal e; agus foillsichidh e dhoibh a choimhcheangal. 15 Tha mo shùilean a ghnàth ris an Tighearn; oir bheir esan mo chasan as an lìon. 16 Amhairc orm (4), agus gabh truas dìom; oir a ta mi a’m’ aonar, agus fa àmhghar. 17 Tha teinn mo chridhe a’ dol am meud: o’m’ àmhgharaibh saor thusa mi (5). 18 Amhairc air m’ àmhghar, (1) truagh, iriosal. (2) thaghas e, d’an còir dha roghuinn a dheanamh. (3) socair, seasgaireachd. (4) Tionndaidh rium. (5) Lasaich teanntachda mo chridhe; agus o m’ àmhgharaibh saor thusa mi. [TD 188] SALM XXVI. XXVII. agus air mo phéin (1), agus lagh mo pheacanna gu léir. 19 Amhairc air mo naimhdibh, oir tha iad lìonmhor; agus le fuath anabarrach (2) tha iad ga m’ fhuathachadh. 20 Gléidh m’anam, agus saor mi; na leig fo nàire mi, oir chuir mi mo dhòigh annad. 21 Dìonadh ionracas agus ceartas mi; oir tha mi feitheamh ortsa. 22 Saor Israel, a Dhé, as àmhgharaibh uile. SALM XXVI. Le Daibhidh. THOIR breth orm, a Thighearn, oir ghluais mi ann am ionracas: o chuir mi mo dhòigh anns an Tighearn, cha ghluaisear mi. 2 Fidir mi, a Thighearn, agus dearbh mi; rannsuich (3) m’airnean agus mo chridhe. 3 Oir tha do chaoimhneas gràdhach fa chomhair mo shùl: agus ghluais mi ann ad fhìrinn. 4 Cha do shuidh mi le daoinibh mealltach (4), agus maille re luchd-ceilge cha d’théid mi steach. 5 Is beag orm coimhthional luchd-uilc, agus le daoinibh aingidh cha suidh mi. 6 Nighidh mi mo làmhan ann an neo-chionta, agus cuairtichidh mi t’altair, a Thighearn; 7 Chum gu foillsich mi le guth molaidh, agus gu cuir mi an céill t’oibre iongantach gu léir. 8 A Thighearn, is ionmhuinn leam còmhnuidh do theach-sa (5), agus ionad pàilliuin do ghlòire. 9 Na cruinnich m’anam le peacachaibh, no mo bheatha le daonibh fuileachdach: 10 Aig am bheil lochd (6) ’nan làmhaibh, agus an làmh dheas làn do dhuais-bhratha. 11 Ach gluaisidh mise ann am ionracas: saor mi, agus dean tròcair orm. 12 Tha mo chos ’na seasamh ann an ionad còmhnard: anns na coimhthionalaibh beannuichidh mi an Tighearn. SALM XXVII. Le Daibhidh. IS e an Tighearna mo sholus, agus mo shlàinte; cò chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò chuireas geilt orm? 2 ’Nuair a thàinig luchd-uilc orm a dh’itheadh suas m’fheòla, mo naimhdean agus m’eascairdean, thuislich iad féin, agus thuit iad. 3 Ge do champuicheadh feachd a’m’ aghaidh, cha bhiodh eagal air mo chridhe: ge d’ éireadh cogadh a’m’ aghaidh, as so ni mi mo bhun. 4 Aon ni ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhi m’ chòmhnuidh ann an tigh an Tighearna rè uile laithean mo bheatha, chum gu faicinn maise an Tighearna, agus gu fiosraichinn ’na theampull. 5 Oir folaichidh e mi ’na sgàth-thigh (7) ann an latha an uilc; folaichidh e mi ann an (1) mo shaothair. (2) eucorach. (3) glan. (4) faoin, dìomhain. (5) aite-còmhnuidh do naomhachd-sa. (6) aingidheachd, donas. (7) ’na phubull, ’na phàilliun. [TD 189] SALM XXVIII. XXIX. dìomhaireachd a phàilliuin (1); air carraig togaidh e suas mi. 6 Agus a nis togar suas mo cheann os cionn mo naimhdean mu’n cuairt orm; agus ìobraidh mi ’na phàilliun ìobairtean aoibhneis; seinnidh mi, agus canaidh mi cliu do’n Tighearn. 7 Eisd, a Thighearna, rem’ ghuth, ’nuair a dh’éigheas mi; dean tròcair orm, agus freagair mi. 8 ’Nuair a thubhairt thusa, Iarraibhse mo ghnùis, thubhairt mo chridhe riut, Do ghnùis, a Thighearn, iarraidh mi. 9 Na folaich do ghnùis uam, na cuir air falbh t’òglach am feirg: bu tusa mo chabhair; na fàg mi, agus na tréig mi, a Dhia mo shlàinte. 10 ’Nuair a thréigeas m’athair agus mo mhàthair mi, an sin togaidh an Tighearna suas mi. 11 Teagaisg dhomh do shlighe, a Thighearn, agus treòruich mi air slighe dhìrich, air sgàth mo naimhde. 12 Na tabhair thairis mi do thoil mo naimhde; oir dh’éirich fianuisean bréige a’m’ aghaidh, agus luchd bagairt foirneirt. 13 Gidheadh chreid mise (2) gu’m faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beo. 14 Feith air an Tighearna, glac misneach (3), agus neartaichidh esan do chridhe: feith, tha mi ’g ràdh, air an Tighearn. SALM XXVIII. Le Daibhidh. RIUTSA, a Thighearn, éigheam, mo charraig: na bi-sa a’d’ thosd (4) am’ thaobh, air eagal, ma bhios tu a’d’ thosd am’ thaobh, gu fàs mi cosmhuil riu-san a théid sìos do’n uaigh (5). 2 Eisd re guth m’athchuingean an uair a ghlaodhas mi riut, an uair a thogas mi mo làmhan chum do ghuth-àite naomha-sa (6). 3 Na tarruing mi mach leis na h-aingidh, agus le luchd-dheanamh na h-eucorach, a tha labhairt sìth r’an coimhearsnaich, agus olc aca ’nan cridhe. 4 Thoir dhoibh a réir an oibre, agus a réir aingidheachd an gnìomhara; a réir oibre an lamh thoir dhoibh; ìoc an luigheachd (7) dhoibh. 5 A chionn nach d’thoir iad an aire do ghnìomharaibh an Tighearna, no do obair a làmh, sgriosaidh e iad, agus cha tog e suas iad. 6 Beannuichte gu robh an Tighearn, a chionn gu’n d’éisd e re guth m’athchuinge. 7 Is e an Tighearna mo neart, agus mo sgiath; annsan chuir mo chridhe a dhòchas, agus chuidicheadh leam: uime sin rinn mo chridhe gairdeachas, agus le m’ laoidh molaidh mi e. 8 Is e an Tighearna neart a shluaigh; agus is esan neart slàinte aoin ungta féin. 9 Saor do shluagh, agus beannuich t’oighreachd: beathuich iad, agus ardaich iad gu bràth. SALM XXIX. Salm le Daibhidh. THUGAIBH do’n Tighearn, a chlann nan cumhachdach, thugaibh do’n Tighearna glòir agus neart. 2 Thugaibh do’n Tighearn (1) bhùtha. (2) Rachadh mo mhisneach air cùl mur creidinn. (3) bi daingean; bi làidir. Eabh. (4) bodhar. (5) do’n t-slochd. (6) gu ionad-còmhnuidh do naomhachd-sa. (7) an dìol, an dlighe. [TD 190] SALM XXX. a’ghlòir a’s cubhaidh d’a ainm; sleuchdaibh do’n Tighearn ann am maise na naomhachd. 3 Tha guth an Tighearna os cionn nan uisge: rinn Dia na glòire tairneanach, an Tighearn, os cionn nan uisge mòra. 4 Tha guth an Tighearna cumhachdach; tha guth an Tighearna làn mòralachd. 5 Brisidh guth an Tighearna na seudair; seadh, brisidh an Tighearna seudair Lebanoin. 6 Agus bheir e orra leum mar laogh; Lebanon agus Sirion, mar bhuabhull (1) òg. 7 Sgoiltidh guth an Tighearna lasraiche an teine (2). 8 Crathaidh guth an Tighearna am fàsach; crathaidh an Tighearna fàsach Chadeis. 9 Bheir guth an Tighearna air na h-eildibh an laoigh a thilgeadh (3), agus lomaidh e na coillte: agus ’na theampull cuiridh gach neach an céill a ghlòir. 10 Suidhidh an Tighearn air an tuil; agus suidhidh an Tighearna ’na Righ gu sìorruidh. 11 Bheir an Tighearna neart d’a shluagh; beannuichidh an Tighearn a shluagh le sìth. SALM XXX. Salm; laoidh coisreagaidh tighe Dhaibhidh. MOLAIDH mi thu, a Thighearn; oir thog thu suas mi, agus cha d’thug thu air m’eascairdibh gairdeachas a dheanamh os mo chionn. 2 A Thighearna mo Dhia, ghlaodh mi riut, agus shlànuich thusa mi. 3 A Thighearna, thog thu m’anam anìos as an uaigh: ghléidh thu beo mi, chum nach rachainn sìos do’n t-slochd. 4 Seinnibh do’n Tighearna, sibhse a naoimh-san, agus thugaibh buidheachas re cuimhneachadh air a naomhachd. 5 Oir cha ’n’eil ach tiota ’na fheirg, tha beatha ’na dheadh-ghean: rè oidhche mairidh bròn, ach air maduinn thig gairdeachas. 6 Thubhairt mise a’m’ shocair (4), Cha ghluaisear mi am feasd. 7 A Thighearna, le d’ dheadh-ghean thug thu air mo bheinn seasamh gu daingean (5): dh’fholuich thu do ghnùis; bha mi fa amhluadh. 8 Ghlaodh mi riutsa, a Thighearn: agus air an Tighearn dh’asluich mi: 9 Ciod an tairbhe a tha ann am fhuil, ’nuair a théid mi sìos do’n t-slochd? am mol an ùir thu? an cuir i an céill t’fhìrinn? 10 Eisd rium, a Thighearn, agus dean tròcair orm: A Thighearna, bi-sa a’d’ fhear-cuidich leam. 11 Thionndaidh thu dhomhsa mo bhròn gu dannsadh: chuir thu dhìom m’eudach-saic, agus chrioslaich thu mi le h-aoibhneas: 12 Chum gu seinneadh mo ghlòir cliu dhuit, agus nach bitheadh i ’na tosd: A Thighearna mo Dhia, gu bràth molaidh mise thu (6). (1) aon-adharcach. (2) an dealanaich. (3) Crathaidh guth an Tighearna na daragan. (4) shuaimhneas, shoirbheas. (5) thug thu neart do m’ urram, do m’ mhaise. (6) bheir mise buidheachas dhuit. [TD 191] SALM XXXI. SALM XXXI. Do’n ard fhear-ciuil, Salm le Daibhidh. ANNADSA, a Thighearn, cuiream mo dhòigh; na nàraichear mi gu bràth; trìd t’fhìreantachd saor mi. 2 Aom a m’ ionnsuidh do chluas, gu grad furtaich orm: bi-sa a’d’ charraig làidir dhomh, a’d’ thigh-tearmuinn chum mo dhìonadh. 3 Oir is tusa mo charraig, agus mo dhaingneach; agus air sgàth t’ainme treòraichidh agus stiùraidh tu mi. 4 Bheir thu mi as an lìon a dh’fholuich iad fa m’ chomhair; oir is tusa mo neart. 5 Ann ad làimh-sa tiomnam mo spiorad: saor mi (1), a Thighearna Dhé na firinn. 6 Is fuath leat (2) iadsan a bheir fa’near dìomhanasa breugach: ach anns an Tighearna chuir mise mo dhòchas. 7 Ni mi aoibhneas agus gairdeachas ann do thròcair: oir chunnaic thu m’àmhghar; b’aithne dhuit m’anam ann an teanntachdaibh; 8 Agus cha do dhruid thu suas mi ann an làimh an nàmhaid; shocraich thu mo chosan ann an àite farsaing. 9 Gabh truas dìom, a Thighearn, oir tha mi ann an teinn; tha mo shùil, m’anam, agus mo chom, air seargadh as le doilgheas. 10 Oir chlaoidheadh mo bheatha le bròn, agus mo bhliadhnan le h-osnaich; air son m’euceirt thuit mo neart, agus chaitheadh mo chnàmha. 11 Am measg mo naimhde gu léir bha mi a’m’ mhasladh, agus gu h-àraidh do m’ choimhearsnachaibh, agus a’m’ aobhar eagail do m’ luchd eòlais: iadsan a chunnaic mi a muigh, theich iad uam. 12 Dhi-chuimhnicheadh mi mar dhuine marbh air dol a cuimhne; tha mi mar shoitheach briste. 13 Oir chuala mi cùl-chàineadh mòrain dhaoine; bha eagal air gach taobh, ’nuair a ghabh iad comhairle le chéile a’m’ aghaidh, a dhealbh iad mo bheatha thoirt uam. 14 Ach dh’earb mise asadsa, a Thighearn; thubhairt mi, Is tu mo Dhia. 15 Ann ad làimh-sa tha m’aimsirean: saor mi as làimh mo naimhdean, agus uatha-san a tha’n tòir orm. 16 Thoir air do ghnùis dealrachadh air t’òglach: saor mi air sgàth do thròcaire. 17 Na nàraichear mi, a Thighearn, oir ghairm mi ort: nàire biodh air na h-aingidh, ’nan tosd bitheadh iad san uaigh! 18 Deanar balbh na bilean breugach, a labhras an aghaidh an fhìrein gu cruaidh, le h-uabhar agus tarcuis. 19 Cia mòr do mhaitheas, a thaisg thu dhoibhsan d’an eagal thu; a rinn thu dhoibhsan a dh’earbas asad, am fianuis chloinn nan daoine! 20 Folaichidh tu iad ann an dìomhaireachd do làthaireachd (3) o àilgheas dhaoine; folaichidh tu iad ann am pàilliun o strì nan teanga. 21 Beannuichte gu robh an Tighearn; oir nochd e gu h-iongantach a chaoimhneas dhomhsa ann am baile daingnichte (4). (1) shaor thu mi. (2) leam. (3) do ghnùise. Eabh. (4) ann an cathair làidir. [TD 192] SALM XXXII. XXXIII. 22 Thubhairt mise a’m’ dheifir, Ghearradh as mi o fhianuis do shùl: gidheadh dh’éisd thusa re guth m’asluchaidh, ’nuair a dh’éigh mi riut. 23 Gràdhaichibh an Tighearn, sibhse uile a naoimhsan: gleidhidh an Tighearn na daoine treibhdhireach, agus dìolaidh e gu pailt dhasan a ni gu h-uaibhreach. 24 Bithibhse misneachail, agus neartaichidh esan bhur cridhe, sibhse uile a chuir bhur dòchas anns an Tighearn. SALM XXXII. Le Daibhidh, Maschil. IS beannuichte esan d’an do mhaitheadh (1) eusaontas, d’am bheil a pheacadh air fholachadh. 2 Is beannuichte an duine, nach cuir an Tighearn euceart as a leth, agus aig nach ’eil cealg ’na spiorad. 3 ’Nuair a bha mi a’m’ thosd (2), luidh aois air mo chnàmhaibh (3), lem’ bhùireadh fad an latha. 4 Oir a là agus a dh’oidhche bha do làmh trom orm: tha mo bhrìgh air a h-atharrachadh gu tiormachd an t-samhraidh. Selah. 5 Dh’aidich mi mo pheacadh dhuit, agus cha do cheil mi m’euceart: thubhairt mi, Aidichidh mi m’eusaontais do’n Tighearn; agus mhaith thusa cionta mo pheacaidh. Selah. 6 Air an aobhar sin ni gach duine diadhuidh (4) ùrnuigh riutsa, san àm am faighear thu: gu cinnteach ann an tuil nan uisge mòra, cha d’thig iad am fagus da. 7 Tha thusa a’d’ ionad-foluich dhomh; o theinn gleidhidh tu mi; le h-òranaibh saorsa cuairtichidh tu mi. Selah. 8 Fìor-theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhuit an t-slighe air an d’thigeadh dhuit triall; seòlaidh mi dhuit lem’ shùil (5). 9 Na bi mar each, no mar mhuileid (6), aig nach ’eil ciall; d’an cuirear sparrag agus srian ’nam beul, chum nach d’thig iad an gar dhuit (7). 10 Is lìonmhor doilgheasan do’n aingidh; ach cuairtichidh tròcair esan a dh’earbas as an Tighearn. 11 Bithibh aoibhneach anns an Tighearn, agus deanaibh gairdeachas, sibhse fhìreana; agus deanaibh luathghaire, sibhse uile a tha ceart an cridhe. SALM XXXIII. DEANAIBH gairdeachas san Tighearna, sibhse fhìreana: do na h-ionraic tha cliu ciatach. 2 Molaibh an Tighearn air clàrsaich: air an t-saltair, inneal-ciuil nan deich teud, seinnibh dha. 3 Canaibh dha òran nuadh; seinnibh fonn gu h-ealanta, le fuaim ard. 4 Oir tha focal an Tighearna ceart, agus tha oibre uile deanta ann am firinn. 5 Is ionmhuinn leis ceartas agus breitheanas; do mhaitheas an Tighearna tha’n talamh làn. 6 Le focal an Tighearna rinneadh na nèamha, agus le h-anail a bheoil an slòigh uile. (1) dhi-chuimhnicheadh. (2) a thaobh mo pheacaidh. (3) chaitheadh mo chnàmhan. (4) naomh, maith. (5) bheìr mi comhairle dhuit lem’ shùil a bhi ort; socraichhidh mi mo shùil ort. (6) mhuilidh; mule Sasg. (7) no cha d’thig iad am fagus duit. [TD 193] SALM XXXIV. 7 Carnaidh e suas mar thorr uisgeacha na fairge; cuiridh e an doimhne suas ’na thighibh-tasgaidh. 8 Roimh an Tighearna biodh eagal air an talamh uile; roimhe-san biodh fiamh air uile luchd-àiteachaidh an domhain: 9 Oir labhair e, agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e (1). 10 Rinn an Tighearna comhairle nan cinneach faoin; thug e innleachdan an t-sluaigh gu neo-ni. 11 Seasaidh comhairle an Tighearna gu sìorruidh, smuaintean a chridhe o linn gu linn. 12 Is beannuichte an cinneach sin, ’gam bheil an Tighearna ’na Dhia dhoibh; an sluagh a ròghnuich e mar oighreachd dha féin. 13 O na nèamhaibh amhaircidh an Tighearn anuas; chi e uile chlann nan daoine. 14 O ionad seasmhach a chòmhnuidh beachdaichidh e air uile luchd-àiteachaidh na talmhainn. 15 Chum esan an cridhe air aon dòigh; bheir e fa’near an gnìomharan uile. 16 Cha tearnar righ le meud fheachd (2); cha saorar laoch le meud a neirt. 17 Is dìomhain an t-each chum tèaruinteachd; agus le meud a neirt cha saor e. 18 Feuch, tha sùil an Tighearna orra-san d’an eagal e; orra-san a chuireas an dòchas ’na thròcair; 19 Chum an anam a theasairginn o’n bhàs, agus an cumail beo anns a’ ghorta. 20 Feithidh ar n-anam air an Tighearn; is esan ar cabhair, agus ar sgiath. 21 Oir annsan ni ar cridhe gairdeachas, a chionn ’na ainm naomha-san gu’n do chuir sinn ar dòigh. 22 Gu robh do thròcair, a Thighearn, oirnn, a réir mar a chuir sinn ar dòchas annad. SALM XXXIV. Le Daibhidh, ’nuair a dh’atharruich e a ghiùlan an làthair Abimeleich, agus a chuir esan uaith e, agus a dh’imich e. BEANNUICHIDH mi an Tighearna gach àm: an còmhnuidh bithidh a mholadh ann am bheul. 2 Anns an Tighearna ni m’anam uaill; cluinnidh na daoine sèimh, agus ni iad aoibhneas. 3 Molaibh an Tighearna leamsa, agus ardaicheamaid ainm le chéile. 4 Dh’iarr mi an Tighearn, agus dh’éisd e rium; agus shaor e mi o gach aobhar eagail a bha agam. 5 Dh’amhairc iad air, agus shoillsicheadh iad; agus cha robh nàire air an gnùis (3). 6 Ghlaodh an duine bochd so, agus dh’éisd an Tighearna ris; agus as a theanntachdaibh gu léir shaor se e. 7 Campuichidh aingeal an Tighearna mu’n tiomchiollsan d’an eagal e, agus teasairgidh e iad. 8 O blaisibh agus faicibh gur maith an Tighearn: is beannuichte an duine sin a dh’earbas as. 9 Biodh eagal an Tighearna (1) bha e air buil. (2) a shlòigh. (3) Amhaircibhse air, agus bithibh air bhur soillseachadh; agus cha bhi nàire air bhur gruaidh. [TD 194] SALM XXXV. oirbh, a naoimh-san; oir cha bhi dìth air a luchd-eagailsan. 10 Bithidh easbhuidh air na leòmhanaibh òga (1), agus bithidh ocras orra; ach orra-san a dh’iarras an Tighearna cha bhi maith air bith a dhìth. 11 Thigibh, a chlann, éisdibh rium; teagaisgidh mi dhuibh eagal an Tighearna. 12 Cò e am fear a mhiannuicheas beatha, a ghràdhaicheas laithean a dh’fhaicinn maith? 13 Gléidh do theanga o olc, agus do bhilean o labhairt ceilg. 14 Seachuinn an t-olc, agus dean am maith; iarr sìochaint agus lean i. 15 Tha sùilean an Tighearna air na fireanaibh, agus a chluas r’an glaodh. 16 Tha gnùis an Tighearna an aghaidh luchd-deanamh uilc, chum an cuimhne a ghearradh as o’n talamh. 17 Ghlaodh na [fireana] agus dh’éisd an Tighearn; agus as an teanntachdaibh gu léir shaor e iad. 18 Is dlùth an Tighearna dhoibhsan a tha briste ’nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite ’nan spiorad. 19 Is lìonmhor àmhgharan an fhìrein; ach asda air fad saoraidh an Tighearn e. 20 Gleidhidh an Tighearn a chnàmhan uile: cha bhi h-aon diubh briste. 21 Marbhaidh olc na h-aingidh (2), agus iadsan a tha toirt fuath do’n fhìrean lom-sgriosar iad. 22 Saoraidh an Tighearn anam a sheirbhiseach; agus cha sgriosar aon air bith dhiubhsan a chuireas an dòigh ann. SALM XXXV. Le Daibhidh. TAGAIR, a Thighearn, riu-san a thagras a’m’ aghaidh; cog ’nan aghaidh-san a chogas a’m’ aghaidh. 2 Glac targaid agus sgiath, agus éirich chum mo chuideachaidh. 3 Agus tarruing a mach an t-sleagh, agus druid an t-slighe ’nan aghaidh-san (3) a tha ’n tòir orm: abair re m’anam, Is mi do shlàinte. 4 Nàire agus masladh gu robh orra-san a tha ’g iarraidh m’anama; gu pillear iadsan air an ais, agus gu robh amhluadh orra, a tha smuaineachadh uilc dhomh. 5 Bitheadh iad mar mholl fa chomhair na gaoithe, agus aingeal an Tighearna ’gan ruagadh. 6 Bitheadh an slighe dorcha agus sleamhuinn, agus aingeal an Tighearna an tòir orra. 7 Oir gun aobhar dh’fholuich iad air mo shon an lìon; slochd gun aobhar chladhaich iad air son m’anama. 8 Thigeadh sgrios air gun fhios da, agus a lìon a dh’fholuich e, glacadh se e féin: san sgrios sin tuiteadh e. 9 Ach ni m’anamsa gairdeachas anns an Tighearn; ni e aoibhneas ’na shlàinte. 10 Their mo chnàmhan uile, A Thighearn, cò is cosmhuil riutsa, a theasairgeas am bochd (4) (1) Bithidh daoine cumhachdach bochd. (2) an t-aingidh. (3) tarruing an t-sleagh agus an claidheamh ’nan aghaidh-san. (4) an duine truagh, àmhgharach. [TD 195] SALM XXXV. uaith-san a’s treise na e, agus am bochd agus an t-ainnis (1) uaith-san a chreachadh e? 11 Dh’éirich fianuisean eucorach; chuir iad as mo leth (2) nithe air nach robh fios agam. 12 Dhìol iad dhomh olc an éiric maith, a’ cur rompa mo bheatha a thoirt uam. 13 Ach am thaobhsa, ’nuair a bha iadsan gu tinn, b’e eudach-saic mo chulaidh, dh’irioslaich mi m’anam le trosgadh (3), agus phill m’ùrnuigh a’m’ uchd féin. 14 Mar gu’m bu charaid no bràthair dhomh a bhiodh ann, ghluais mi; mar fhear caoidh a mhàthar, gu dubhach chrom mi sìos. 15 Ach air bhi dhomhsa ann an àmhghar, bha iadsan ait, agus chruinnich iad le chéile; chruinnich daoine suarach nach b’aithne dhomh le chéile a’m’ aghaidh; reub iad, agus cha do sguir iad. 16 Le luchd dian-mhagaidh (4) cealgach, chas iad am fiacla rium. 17 Cia fhad, a Thighearn, a dh’amhairceas tu air so? saor m’anam o am milleadh, m’aon ghràdh (5) o na leòmhanaibh. 18 Cliùthaichidh mi thu (6) anns a’ mhòr choimhthional; am measg sluaigh lìonmhoir molaidh mi thu. 19 Na deanadh iadsan a ta ’nan naimhdibh dhomh gu h-eucorach, gairdeachas os mo chionn: iadsan aig am bheil fuath dhomh gun aobhar, na caogadh iad le’n sùil: 20 Oir cha labhair iad sìth, ach an aghaidh dhaoine ciuin na tìre dealbhaidh iad nithe cealgach. 21 Dh’fhosgail iad am beul gu farsaing a’m’ aghaidh; thubhairt iad, Aha, aha, chunnaic ar sùil. 22 Chunnaic thusa so, a Thighearn, na bi a’d’ thosd: a Thighearn, na bi fad uam. 23 Tog ort, agus mosgail chum mo cheirt (7); chum mo chùise, mo Dhia agus mo Thighearn. 24 Thoir breth orm a réir do cheartais, a Thighearna, mo Dhia, agus na deanadh iad gairdeachas os mo chionn. 25 Na h-abradh iad ’nan cridhe, Aha, is e sud ar miann: idir na h-abradh iad, Shluig sinn suas e. 26 Nàire agus amhluadh gu robh orra-san le chéile, a tha deanamh gairdeachais re m’olc: còmhdaichear le nàire agus masladh iadsan a dh’ardaicheas iad féin a’m’ aghaidh! 27 Deanadh iadsan iolach, agus bitheadh iad aoibhneach, a sheasas mo chòir dhomh (8); agus abradh iad a ghnàth, Mòr chliù gu robh do’n Tighearn, aig am bheil tlachd ann an sìth a sheirbhisich! 28 An sin cuiridh mo theanga an céill do cheartas, air feadh an là do chliù. (1) am feumannach. (2) dh’fheòraich iad dhìom. (3) trasgadh. (4) luchd-magaidh air cuirmibh. (5) mo sheircein, mo phearsa. (6) Bheir mi buidheachas duit. (7) mo chòir, mo bhreitheanais. (8) leis an ionmhuinn mo cheartas. [TD 196] SALM XXXVI. XXXVII. SALM XXXVI. Do’n ard fhear-ciuil, Le Daibhidh òglach an Tighearna. ’SE their an t-aingidh an taobh a stigh d’a chridhe (1), gu’m peacaich e: cha ’n’eil eagal Dé fa chomhair a shùl. 2 Oir ni e bàigh (2) ris féin ’na shùilibh féin, gus am faighear a mach a chionta mar aobhar fuatha (3). 3 Is euceart agus cealg briathran a bheoil: leig e dheth bhi glic, maith a dheanamh. 4 Dealbhaidh e euceart air a leabaidh; suidhichidh se e féin air slighe nach ’eil maith; cha’n oilteil leis an t-olc. 5 A Thighearn, anns na nèamhaibh tha do thròcair; tha t-fhìrinn gu ruig na neoil. 6 Tha t’fhìreantachd mar na beannta arda, do bhreitheanais ’nan doimhne mhòir: gleidhidh tusa, a Thighearn, duine agus ainmhidh. 7 Cia luachmhor do chaoimhneas gràdhach, a Dhé! uime sin earbaidh clann nan daoine a sgàile do sgiathan. 8 Sàsuichear iad gu mòr le saill (4) do thighe, agus as abhuinn do shòlasan bheir thu orra òl. 9 Oir agadsa tha tobar na beatha: ann ad sholus-sa chi sinne solus. 10 Buanaich do chaoimhneas gràidh dhoibhsan a chuir eòlas ort, agus t’fhìreantachd dhoibhsan a tha ionraic ’nan cridhe. 11 Na d’thigeadh cos an ardain orm, agus na gluaiseadh làmh nan aingidh mi. 12 An sin thuit luchd-dheanamh na h-euceirt sìos; leagadh sìos iad, agus cha’n urrainn iad éirigh. SALM XXXVII. Le Daibhidh. NA biodh campar (5) ort mu dhaoinibh aingidh, agus na gabh farmad re luchd-dheanamh na h-euceirt: 2 Oir mar am feur gearrar gu grad sìos iad, agus mar an luibh ghlas (6) seargaidh iad. 3 Earb thusa as an Tighearn, agus dean maith; mar sin gabhaidh tu còmhnuidh san tìr, agus beathaichear thu gu cinnteach (7). 4 Mar an ceudna gabh tlachd anns an Tighearn, agus bheir e dhuit iarrtuis do chridhe. 5 Tabhair suas do shlighe do’n Tighearn, agus earb as, agus ni se e. 6 Agus bheir e mach t’fhìreantachd mar an solus, agus do bhreitheanas mar am meadhon-là. 7 Bi d’ thosd an làthair an Tighearna (8), agus feith le foighidinn air: na biodh campar ort mu’n ti a shoirbhicheas ’na shlighe, mu’n fhear a bheir a dhroch innleachda gu buil. 8 Leig fearg dhìot, agus tréig corruich; na biodh campar ort air aon chor (9) chum uilc. 9 Oir gearrar as droch dhaoine; ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearn, buan-mhealaidh iad an talamh (10). 10 Oir fathast tamull (11) beag, agus cha bhi an t-aingidh ann; (1) do m’ chridhe. (2) miodal, brionnal. (3) ’nuair a gheibhear a mach a chionta gràineil. (4) pailteas. (5) lasan, fearg. (6) uaine. (7) le a pailteas. (8) Fan gu sàmhach ris an Tighearn. (9) a mhàin. (10) sealbhaichidh iad an talamh mar oighreachd. (11) tiota, sealan. [TD 197] SALM XXXVII. seadh, bheir thu fa’near àit-san, agus cha bhi e ann. 11 Ach mealaidh daoine macanta (1) an talamh, agus gabhaidh iad tlachd ann am meud na sìth. 12 Tha’n t-aingidh a’ cumadh uilc do’n ionraic, agus a’ casadh fhiacal ris. 13 Ni Dia fanoid air, oir is léir dha gu bheil a latha a’ teachd. 14 Tharruing na h-aingidh an claidheamh, agus chuir iad am bogha air ghleus, a leagadh sìos a’ bhochd agus an ainnis, a mharbhadh luchd deagh-bheus (2). 15 Théid an claidheamh a steach ’nan cridhe féin, agus brisear am bogha. 16 Is fearr beagan aig an duine ionraic na saibhreas mhòrain dhroch dhaoine. 17 Oir brisear gairdeana dhroch dhaoine; ach cumaidh Dia suas na fireana. 18 Is fiosrach Dia air laithibh nan daoine ionraic, agus bithidh an oighreachd gu sìorruidh. 19 Cha chuirear gu nàire iad ann an àm an uilc, agus ann an laithibh na gorta sàsuichear iad. 20 Ach sgriosar droch dhaoine, agus bithidh naimhdean an Tighearna mar shaill uan: théid as doibh, mar dheataich théid as doibh. 21 Gabhaidh an t-aingidh air iasachd (3), agus cha dìol e rìs; ach tha’m firean tròcaireach, agus bheir e uaith. 22 Oir iadsan a bheannuichear leis, mealaidh iad an talamh; agus iadsan a mhalluichear leis, gearrar as iad. 23 Leis an Tighearn tha ceumanna duine air an orduchadh, agus gabhaidh e tlachd ’na shlighe. 24 Ge do thuit e, cha tilgear gu tur sìos e; oir cumaidh an Tighearna suas air làimh e. 25 Bha mi òg, agus a nis tha mi sean; gidheadh cha’n fhaca mi am firean air a thréigsinn, agus a shliochd ag iarruidh arain. 26 Tha e ghnàth truacanta agus coingheallach; agus bithidh a shliochd beannuichte. 27 Seachuinn an t-olc, agus dean am maith, agus gabh còmhnuidh gu bràth. 28 Oir is toigh leis an Tighearna breitheanas, agus cha tréig e a naoimh: gu bràth coimhidear (4) iadsan; ach gearrar as sliochd nan aingidh. 29 Mealaidh na fireana an tìr, agus gabhaidh iad còmhnuidh innte gu bràth. 30 Cuiridh beul an fhìrein an céill gliocas, agus labhraidh a theanga breitheanas. 31 Tha lagh a Dhé ’na chridhe: cha sleamhnuich a cheumanna. 32 Bithidh an droch dhuine re faire air an fhìrean, agus iarruidh e a mharbhadh. 33 Cha’n fhàg an Tighearn e ’na làimh; agus cha dìt se e, ’nuair a bheirear breth air. 34 Feith air an Tighearn, agus gléidh a shlighe; agus ardaichidh e thu, chum an tìr a mhealtuinn: ’nuair a ghearrar as droch dhaoine, chi thu e. 35 Chunnaic mi an duine aingidh am mòr chumhachd, agus e ’ga sgaoileadh féin a mach mar ùr chraoibh (5) uaine. (1) ciuin, sèimh. (2) nan daoine dìreach ’nan slighe. (3) an coingheall. (4) gleidhear. (5) mar sheudar, edsre Eabh. [TD 198] SALM XXXVIII. 36 Ach chaidh e seachad (1), agus feuch, cha robh e ann; agus dh’iarr mi e, ach cha d’fhuaras e. 37 Thoir fa’near an duine foirfe (2), agus amhairc air an duine ionraic; oir is i sìth a’s crìoch do’n duine sin. 38 Ach sgriosar luchd eusaontais faraon; gearrar as crìoch (3) dhroch dhaoine. 39 Tha slàinte nam firean o’n Tighearn; is esan an neart ann an àm teanntachd: 40 Agus cuidichidh an Tighearna leo, agus teasairgidh e iad: teasairgidh e iad o dhroch dhaoinibh, agus saoraidh e iad, a chionn gu’n d’earb iad as. SALM XXXVIII. Salm le Daibhidh a chur an cuimhne. A THIGHEARNA, na cronuich mi ann ad chorruich, agus na smachdaich mi ann an teas t’fheirge: 2 Oir shàthadh do shaighdean annam, agus tha do làmh trom orm. 3 Cha ’n’eil fallainneachd a’m’ fheoil airson t’fheirge: cha ’n’eil sìth a’m’ chnàmhaibh airson mo pheacaidh: 4 Oir chaidh m’eucearta thar mo cheann: mar eire (4) thruim tha iad ro-throm air mo shon. 5 Tha mo chreuchda lobhta, breun, airson m’amaideachd. 6 Tha mi cràiteach, chromadh sìos mi gu mòr; air feadh an là uile tha mi ’g imeachd gu dubhach: 7 Oir tha mo leasraidh làn do ghalar granda; agus cha ’n’eil fallaineachd a’m’ fheoil. 8 Tha mi lag, agus ro-bhrùite: tha mi a’ bùireadh trìd mi-shuaimhneis mo chridhe. 9 A Thighearn, tha mo mhiann uile a’d’ làthair, agus cha ’n’eil m’osnaich foluichte ort. 10 Tha mo chridhe a’ ploscartaich (5); thréig mo neart mi: a thaobh fradhairc (6) mo shùl, sin mar an ceudna cha ’n’eil agam. 11 Tha luchd mo ghaoil agus mo chairdean a’ seasamh fa chomhair mo leoin; agus tha mo dhilsean a’ seasamh fad uam. 12 Agus tha luchd-iarruidh m’anama a’ cur ribeacha romham, agus luchd-iarruidh m’uilc a’ labhairt nithe aimhleasach, agus a’ smuaineachadh ceilge air feadh an là uile. 13 Ach mar dhuine bodhar, cha chluinn mise; agus tha mi mar dhuine balbh, nach fosgail a bheul. 14 Tha mi eadhon mar fhear nach cluinn, agus aig nach ’eil achmhasain ’na bheul. 15 Oir annadsa, a Thighearn, chuir mi mo dhòchas: éisdidh tusa, a Thighearna mo Dhia. 16 Oir thubhairt mi, Air eagal gu’n dean iad gairdeachas a’m’ aghaidh; ’nuair a shleamhnuicheas mo chos, gu’n ardaich siad iad féin a’m’ aghaidh. 17 Oir tha mi ealamh gu tuisleachadh, agus tha mo dhoilgheas (7) a’m’ fhianuis a ghnàth. 18 Oir aidichidh mi m’euceart; bithidh mi doilich airson mo pheacaidh. (1) chaidh mi seach. (2) coimhlionta, iomlan. (3) fuigheall, sliochd. (4) uallaich, ealaich. (5) luaimhneach. (6) radhairc, soluis. (7) mo bhròn. [TD 199] SALM XXXIX. XL. 19 Ach ata mo naimhdean beothail, tha iad làidir (1); agus tha iadsan aig am bheil fuath dhomh gu h-eucorach, air fàs lìonmhor. 20 Agus tha iadsan a dhìolas olc airson maith a’cur a’m’ aghaidh, a chionn gu bheil mi leantuinn a’ mhaith. 21 Na tréig mi, a Thighearn, mo Dhia; na bi-sa fad uam. 22 Greas chum mo chuideachaidh, a Thighearn, mo shlàinte. SALM XXXIX. Do’n ard fhear-ciuil, do Iedutun. Salm le Daibhidh. THUBHAIRT mi, Bheir mi ’n aire do m’ shlighibh, nach peacaich mi le m’ theangaidh: gleidhidh mi srian air mo bheul, an uair a bhios an duine aingidh a’m’ fhianuis. 3 Bha mi balbh tosdach, dh’fhan mi o labhairt maith féin; ach dhùisgeadh mo dhoilgheas. 3 Dh’fhàs mo chridhe teth an taobh a stigh dhìom; ’nuair a bha mi a’beachd-smuaineachadh, las an teine; labhair mi lem’ theangaidh: 4 Thoir fios dhomh, a Thighearn, air mo chrìch, agus tomhas mo laithean ciod e, chum gu bi fios agam cia gearr mo ré. 5 Feuch, mar leud boise rinn thu mo laithean, agus tha m’aois mar neo-ni a’d’ fhianuis: gu deimhin is dìomhanas gach duine d’a fheabhas. Selah. 6 Gu deimhin tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain (2); gu deimhin cuirear mi-shuaimhneas orra gu faoin: carnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò mhealas (3) e. 7 Agus anis ciod ris am feitheam, a Thighearn? tha mo dhòchas annadsa. 8 Saor mi o m’eusaontasaibh uile; na dean ball-maslaidh an amadain dhìom. 9 Bha mi a’m’ thosd, cha dh’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e. 10 Tog dhìom do bhuille: le beum do làimh-sa chlaoidheadh mi. 11 Le achmhasanaibh airson euceirt ’nuair a chronuicheas tu duine, bheir thu air a shnuadh caitheadh mar leomann: gu deimhin is dìomhanas gach duine. Selah. 12 Cluinn m’ùrnuigh, a Thighearn, agus éisd re m’ ghlaodh; rem’ dheoir na bi a’d’ thosd: oir is coigreach mi maille riut, agus fear-cuairt, mar m’aithriche uile. 13 O! caomhain mi (4), chum gu faigh mi neart (5), mun siubhail mi, agus nach bi mi ann ni’s mò. SALM XL. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. DH’FHEITH mi le foighidinn ris an Tighearn, agus chrom e thugam (6); agus chual e mo ghlaodh. 2 Agus thug e nìos a slochd uamhuinn mi, a clàbar làthaich, agus chuir e mo chosan air car- (1) tha iadsan a tha ’nan naimhdibh dhomh gun aobhar làidir. (2) mar sgàile siubhlaidh duine. (3) chruinnicheas. (4) tionndaidh uam. (5) fois, comhfhurtachd. (6) chugam. [TD 200] SALM. XLI. raig; shocraich e mo cheumanna. 3 Agus chuir e òran nuadh ann am bheul, òran-molaidh d’ar Dia: chi mòran e, agus bithidh eagal orra, agus earbaidh iad as an Tighearn. 4 Is beannuichte an duine sin a chuireas a dhòchas anns an Tighearn, agus nach seall an déigh nan uaibhreach (1), no ’nan déigh-san a chlaonas chum bréige. 5 Is lìonmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithe a rinn thu! t’oibre iongantach, agus do smuainte d’ar taobh-ne, cha ’n’eil e ’n comas a chur sìos an ordugh dhuit: nochdainn agus chuirinn an céill iad; ach tha iad ni’s lìonmhoire na gu’n gabh iad àireamh. 6 Ann an ìobairt agus an tabhartas cha do ghabh thu tlachd: dh’fhosgail thu mo chluasan (2): ìobairt-loisgte agus ìobairt-pheacaidh cha d’iarr thu. 7 An sin thubhairt mi, Feuch, tha mi teachd; ann an rola an leabhair tha e scrìobhta ormsa. 8 Is e mo thlachd do thoil a dheanamh, a Dhé; seadh, tha do lagh an taobh a stigh dom’ chridhe. 9 Rinn mi sgeul air t’fhìreantachd sa’ choimhthional mhòr: feuch, cha do choisg mi mo bhilean, a Thighearn, is aithne dhuit. 10 Cha d’fholuich mi t’fhìreantachd ann am meadhon mo chridhe: chuir mi’n céill t’fhìrinn agus do shlàinte: cha do cheil mi do chaoimhneas gràdhach, agus t’fhìrinn, o’n choimhthional mhòr. 11 A Thighearn, na cum-sa do chaomh thròcairean uam: gleidheadh do chaoimhneas gràdhach agus t’fhìrinn a ghnàth mi. 12 Oir dh’iadh uilc gun àireamh mu’n cuairt orm; ghlac m’eucearta (3) mi, agus cha ’n’eil e ’n comas domh sealltuinn suas; ni’s lìonmhoire tha iad na falt mo chinn, agus thréig mo chridhe mi. 13 Gu ma toil leat, a Thighearn, mo theasairginn; greas, a Thighearn, chum mo chuideachaidh. 14 Nàire agus amhluadh gu robh (4) orra-san le chéile, a tha ’g iarraidh m’anama g’a sgrios: ruagar air an ais agus nàraichear iadsan a tha guidheadh uilc dhomh. 15 Aonaranach gu robh iadsan (5) mar thuarasdal an nàire, a their riumsa, Aha, Aha! 16 Deanadh iadsan uile a dh’iarras tusa, gairdeachas agus aoibhneas annad: abradh iadsan an còmhnuidh, a ghràdhaicheas do shlàinte, Mòr mholadh gu robh do’n Tighearn. 17 Tha mise bochd agus uireasbhuidheach, ach smuainichidh an Tighearn orm: is tusa m’fhear-cabhair, agus m’fhear-saoraidh; a Dhé, na dean moille. SALM XLI. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. IS beannuichte esan a bheir an aire do’n duine bhochd (6): ann (1) nach tionndaidh chum nan uaibhreach, nach gabh tlachd anns na h-uaibhrich. (2) dheasuich thu corp dhomh. (3) m’àmhgharan. (4) bithidh. (5) dì-làraichear iad, gu robh iad fo uamhunn. (6) ìosal. [TD 201] SALM XLII. an latha an uilc (1) saoraidh an Tighearn e. 2 Gleidhidh an Tighearn e, agus cumaidh e beo e, agus bithidh e beannuichte air thalamh: na tabhair thusa e do thoil a naimhde (2). 3 Bheir an Tighearna neart dha air leabaidh a thinneis iarganaich: a leabadh uile ni thusa dha ’na euslainte: 4 Thubhairt mi, A Thighearn, dean tròcair orm: leighis m’anam, oir pheacaich mi a’d’ aghaidh. 5 Tha mo naimhdean a’ labhairt uilc orm, ag ràdh, C’uin a gheibh e bàs, agus a sgriosar ainm? 6 Agus ma thig neach g’am shealltuinn, labhraidh e dìomhanas; carnaidh (3) a chridhe euceart dha féin; théid e mach, agus labhraidh se e. 7 Tha iadsan uile aig am bheil fuath dhomh a’ cogarsaich le chéile a’m’ aghaidh: tha iad a’ dealbh uilc a’m’ aghaidh. 8 Tha droch ni, ars’ iadsan, air teachd air (4); agus esan a tha nis ’na luidhe, cha ’n éirich e ni ’s mò. 9 Eadhon fear mo shìth (5), as an d’earb mi, esan a dh’ith do m’ aran, thog e a shàil a’m’ aghaidh. 10 Ach deansa, a Thighearn, tròcair orm, agus tog suas mi, agus bheir mi luigheachd dhoibh. 11 Le so tha fios agam gu bheil tlachd agadsa annam, a chionn nach ’eil mo nàmhaid a’ deanamh caithreim (6) os mo cheann. 12 Ach air mo shonsa, cumaidh tu suas mi ann am ionracas, agus suidhichidh tu mi a’d’ fhianuis gu bràth. 13 Beannuichte gu robh an Tighearna Dia Israeil, o shìorruidheachd gu sìorruidheachd! Amen agus Amen! SALM XLII. Do’n ard fhear-ciuil, Maschil, air son mhac Chorah. MAR a thogras am fiadh chum nan sruth uisge, mar sin tha m’anam a’togairt a’d’ ionnsuidhse, a Dhé. 2 Tha tart air m’anam chum Dhé, chum an Dé bheo: c’uin a thig mi, agus a nochdar mi am fianuis Dhé (7)? 3 Is iad mo dheoir a’s biadh dhomh a là agus a dh’oidhche, ’nuair a theirear rium gach là, C’àit am bheil do Dhia? 4 Na nithe so is cuimhne leam, agus tha mi dòrtadh amach m’anama leam féin; oir ghabh mi thairis leis a’ mhòr-chuideachd, chaidh mi leo gu tigh Dhé, le fuaim gairdeachais agus molaidh, leis a’ chuideachd a bha cumail latha féille (8). 5 C’arson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? agus c’arson a tha thu fo bhuaireas (9) an taobh a stigh dhìom? earb thusa a Dia; oir fathast molaidh (1) ann an àm teinn. (2) agus beannuichidh e air thalamh e, agus cha tabhair e do thoil a naimhdean e. (3) cruinnichidh. (4) tha droch thinneas a’ dlùth-leantuinn ris; tha mòr chionta air a chur as a leth. (5) mo charaid. (6) gairdeachais. (7) a chi mi gnùis Dhé? (8) Na nithe so cuimhnichidh mi, agus taomaidh mi mach m’anam an taobh a stigh dhìom, ’nuair a ghabhas mi thairis leis a’ mhòr chuideachd, a théid mi leo, &c. (9) mhi-shuaimhneas. [TD 202] SALM XLIII. XLIV. mise e, slàinte mo ghnùise (1), agus mo Dhia. 6 Leagadh sìos m’anam an taobh a stigh dhìom: uime sin cuimhnichidh mi ortsa, mo Dhia, o thìr Iordain, agus o Hermon, o shliabh Mhitsair. 7 Tha doimhne a’ gairm air doimhne le fuaim t’fheadan uisge; chaidh do stuaidhean (2) agus do thonnan uile tharum. 8 Anns an là àithnidh an Tighearn a thròcair (3); agus san oidhche bithidh a laoidh maille rium, agus m’ùrnuigh re Dia mo bheatha. 9 Their mi re Dia mo charraig, C’arson a dhi-chuimhnich thu mi? c’arson a tha mi a’ triall gu dubhach airson foirneirt an eascaraid? 10 Mar chlaidheamh a’m’ chnàmhaibh, tha mo naimhdean a’ toirt maslaidh dhomh, ’nuair a their iad rium gach là, C’àit am bheil do Dhia? 11 C’arson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? agus c’arson a tha thu fo bhuaireas an taobh a stigh dhìom? earb thusa a Dia; oir fathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise, agus mo Dhia. SALM XLIII. THOIR breth orm (4), a Dhé, agus tagair mo chùis: o chinneach an-iochdmhor (5), o fhear na ceilge agus na h-euceirt, saor thusa mi. 2 Oir is tusa Dia mo neirt; c’arson a chuir thu mi fad uait? c’arson a tha mi a’ triall gu dubhach airson foirneirt an eascaraid? 3 O cuir a mach do sholus, agus t’fhìrinn! seòladh iadsan mi, thugadh iad mi chum do shléibh naomha-sa, agus chum do phàilliuna. 4 An sin théid mi dh’ionnsuidh altaire Dhé, a dh’ionnsuidh Dhé m’aoibhneis ro-mhòir (6); agus molaidh mi thu air a’ chlàrsaich, a Dhia, mo Dhia. 5 C’arson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? agus c’ar son a tha thu fo bhuaireas an taobh a stigh dhìom? earb thusa a Dia; oir fathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise, agus mo Dhia. SALM XLIV. Do’n ard fhear-ciuil, airson mhac Chorah, Maschil. A Dhé, le’r cluasaibh chuala sinn, dh’innis ar n-aithriche dhuinn an obair a rinn thu ’nan làithibh-san, sna laithibh o shean. 2 Le d’ làimh thilg thu mach na cinnich, ach shuidhich thu iadsan: chlaoidh thu na slòigh, ach thug thu orra-san soirbheachadh (7). 3 Oir cha’n ann le’n claidheamh féin a fhuair iad sealbh san tìr, agus cha’n e an gairdean féin a shaor iad; ach do dheas làmh, agus do ghairdean-sa, agus solus do ghnùise, a chionn gu’n robh deadh-ghean agad doibh. 4 Is tu féin mo Righ, a Dhé: àithn thusa saorsa do Iacob. 5 Trìd-sa buailidh sinn ar (1) airson furtachd a ghnùise. (2) do shùmainnean. (3) a chaoimhneas. (4) Cum còir rium. (5) mi-naomha, aindiadhuidh. (6) m’aoibhneis agus mo ghairdeachais. (7) rinn thu olc do na slòigh, ach chuir thu iadsan an tìr thèaruinte. [TD 203] SALM XLV. naimhde; trìd t’ainme-sa saltraidh sinn orra-san a dh’éireas ’nar n-aghaidh. 6 Oir as mo bhogha cha’n earb mi, agus cha saor mo chlaidheamh mi. 7 Ach shaor thusa sinn o ar naimhdibh, agus nàirich thu iadsan aig an robh fuath dhuinn. 8 A Dia ni sinne uaill air feadh an là; agus t’ainm-sa molaidh sinn gu sìorruidh. Selah. 9 Ach a nis thilg thu uait sinn, agus nàirich thu sinn; agus cha ’n’eil thu dol a mach le’r n-armailtibh. 10 Thug thu oirnn tionndadh air ar n-ais o’n nàmhaid, agus tha iadsan le’m fuathach sinn ’gar creachadh (1). 11 Thug thu sinn mar chaoraich air son bìdh; agus am measg nan cinneach sgap thu sinn. 12 Reic thu do shluagh gun fhiach, agus cha do mheudaich thu do mhaoin le’n luach (2). 13 Rinn thu sinn ’nar masladh d’ar coimhearsnachaibh, ’nar ball-fanoid agus magaidh dhoibhsan a tha mu’n cuairt oirnn. 14 Rinn thu gnàth-fhocal dhinn am measg nan cinneach, aobhar crathaidh cinn am measg an t-sluaigh. 15 Fad an latha (3) tha m’amhluadh a’m’fhianuis, agus chòmhdaich nàire mo ghnùise mi (4), 16 Air son gutha an fhir a bheir masladh agus toibheum, air son fianuis an nàmhaid agus an dìoghaltaich. 17 Thàinig so uile oirnn; gidheadh, cha do dhi-chuimhnich sinn thu, agus cha d’rinn sinn cealg ann ad choimhcheangal. 18 Cha do thionndaidh ar cridhe air ais, agus cha do chlaon ar cos o d’ shlighe: 19 Ge do mhìn-phronn thu sinn ann an ionad dhràgon, agus ge do chòmhdaich thu sinn le sgàil a’ bhàis. 20 Ma dhi-chuimhnich sinne ainm ar Dé, no ma shìn sinn ar làmha gu Dia coimheach, 21 Nach rannsuich Dia so amach? oir tha fios aige-san air nithibh dìomhair a’ chridhe. 22 Ach air do shon-sa mharbhadh sinn rè an latha gu léir; mheasadh sinn mar chaoraich chum casgraidh. 23 Mosgail; c’arson a choidleas tu, a Thighearn? dùisg, na tilg sinn uait gu bràth. 24 C’arson a dh’fholaicheas tu do ghnùis? a dhi-chuimhnicheas tu ar n-àmhghar, agus ar foirneart? 25 Oir chromadh sìos ar n-anam do’n ùir; dhlùth-lean ar com (5) ris an talamh. 26 Eirich, cuidich leinn, agus saor sinn air sgàth do thròcaire. SALM XLV. Do’n ard fhear-ciuil air Sosanim airson mhac Chorah, Maschil. Oran gràidh. THA mo chridhe a’ deachdadh (6) deadh ni; cuiridh mi ’n céill na nithe a rinn mi do’n Righ (7); bithidh mo theanga mar pheann fir-scrìobhaidh dheis. 2 Is maisiche thu na clann (1) a’ creachadh dhoibh fein. (2) prìs. (3) A ghnàth. (4) tha ar n-amhluadh ’nar fianuis, agus chòmhdaich nàire ar gnùise sinn. (5) brù, (6) cur amach. (7) mu’n Righ. [TD 204] SALM XLVI. nan daoine; dhòirteadh gràs ann ad bhilibh: uime sin bheannuich Dia thu gu bràth. 3 Crioslaich (1) do chlaidheamh air do leis, O a ghaisgeich; le d’ ghlòir, agus le d’ mhòralachd. 4 Marcaich (2) air t’aghaidh gu buadhach air sgàth na firinn, agus na macantachd (3), agus na fireantachd; agus teagaisgidh do dheas làmh dhuit nithe uamhasach. 5 Is geur do shaighdean, (tuitidh na slòigh fodhad) is geur iad ann an cridhe naimhdean an Righ. 6 Tha do righ-chaithir, a Dhé, gu saoghal nan saoghal: is slat cheartais slat-shuaicheantais do rioghachd-sa. 7 Ghràdhaich thusa fireantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd; uime sin dh’ung Dia, do Dhia-sa, thu le h-oladh aoibhneis os cionn do chompanach. 8 Do mhirr, agus do alos, agus do chasia, théid boladh o d’ thrusgan uile, a mach a lùchairtibh do fhiaclaibh elephant (4), leis an do chuireadh aoibhneas ort. 9 Tha nigheana righre am measg do bhan urramach; seasaidh do bhan-righinn air do dheas làimh, ann an òr na h-Ophir. 10 Eisd, a nighean, agus amhairc, agus aom do chluas; agus di-chuimhnich do shluagh féin agus tigh t’athar. 11 Ansin gabhaidh an Righ mòr thlachd ann ad àille (5): a chionn gur esan do Thighearn, thoir-sa urram (6) dha. 12 Thig eadhon nighean Thiruis le tiodhlacadh; asluichidh daoine saibhir an t-sluaigh do dheadh-ghean. 13 Uile glòrmhor tha nighean an righ a stigh; air oibreachadh le h-òr tha a h-eudach. 14 Ann an trusgan do obair ghréis bheirear i chum an Righ; bheirear na maighdeana ’na déigh, a bana-chompanaich, a steach thugad (7). 15 Bheirear iad le h-aoibhneas agus le gairdeachas; théid iad a steach do lùchairt an Righ. 16 An àite t’aithriche bithidh do mhic; ni thu iad ’nan uachdaranaibh air an talamh uile. 17 Bheir mi air t’ainm a bhi air chuimhne anns gach linn a thig: uime sin molaidh an sluagh thu gu saoghal nan saoghal. SALM XLVI. Do’n ard fhear-ciuil airson mhac Chorah. Oran air Alamot. IS e Dia ar tearmunn, agus ar neart; ar cabhair ro-dheas ann an teanntachdaibh. 2 Air an aobhar sin cha bhi eagal oirnn, ge do ghluaisear (8) an talamh, agus ge d’atharruichear na beannta gu meadhon na fairge: 3 Ge do bheuc a h-uisgeacha, agus ge do chuirear thar a chéile iad; ge do chriothnuich na beannta le a h-ataireachd. Selah. 4 Tha abhuinn (9) ann, agus ni a sruthan cathair (10) Dhé ait; naomh-ionad phàilliun an Ti a’s airde. (1) Criosraich, Deasaich. (2) Ann ad mhòralachd marcaich. (3) ceannsachda. (4) air an deanamh maiseach le fiaclaibh elephant. (5) àilne, sgèimh. (6) ùmhlachd, aoradh. (7) chugad. (8) mhùthar, chaochailear. (9) amhuinn. (10) mòr-bhaile, [TD 205] SALM XLVII. XLVIII. 5 Tha Dia ’na meadhon; cha ghluaisear i: cuidichidh Dia leatha gu moch air mhaduinn. 6 Ghabh na cinnich boile, ghluaiseadh na rioghachdan: chuir e mach a ghuth, leagh an talamh. 7 Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iacoib a’s dìdean duinn. Selah. 8 Thigibh, faicibh oibre an Tighearna, gach léir-sgrios (1) a rinn e air thalamh. 9 Coisgidh e an cogadh gu h-iomall na talmhainn, brisidh e am bogha, agus gearraidh e an t-sleagh: na carbadan-cogaidh loisgidh e le teine. 10 Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia: ardaichear mi am measg nan cinneach, ardaichear mi air thalamh. 11 Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iacoib a’s dìdean duinn. Selah. SALM XLVII. Do’n ard fhear-ciuil, Salm air son mhac Chorah. BUAILIBH bhur basan, uile shlòigh; togaibh iolach do Dhia le guth gairdeachais (2). 2 Oir tha’n Tighearn, an Ti a’s airde, ’na aobhar eagail: is Righ mòr e os cionn na talmhainn uile. 3 Cuiridh e na slòigh fa’r smachd, agus na cinnich fa’r cosaibh. 4 Taghaidh e ar n-oighreachd dhuinn, òirdheirceas (3) Iacoib, a ghràdhaich e. Selah. 5 Chaidh Dia suas le caithreim, an Tighearna le fuaim trompaide. 6 Seinnibh moladh do Dhia, seinnibh; seinnibh moladh d’ar Righ, seinnibh: 7 Oir is e Dia righ na talmhainn uile; seinnibh moladh gu h-eòlach. 8 Tha Dia ’na righ os cionn nan cinneach: tha Dia ’na shuidhe air righ-chaithir a naomhachd. 9 Chruinnicheadh uachdarain nan sluagh le chéile, sluagh Dhé Abrahaim: oir is le Dia sgiatha na talmhainn; tha e air ardachadh gu mòr. SALM XLVIII. Oran agus Salm airson mhac Chorah. IS mòr an Tighearn, agus is ro-airidh air cliù e ann am baile (4) ar Dé, ann an sliabh a naomhachd. 2 Sgiamhach ’na shuidheachadh, aoibhneas na talmhainn uile is e sliabh Shioin: air an taobh mu thuath tha baile (5) an Righ mhòir. 3 Aithnichear Dia ’na lùchairtibh mar thearmunn. 4 Oir feuch, chruinnicheadh na righre; ghabh iad thairis le chéile. 5 Chunnaic iad, agus b’ioghnadh leo; bha uamhas orra, ghreas iad orra. 6 Ghlac geilt-chrith iad an sin, pian mar phéin mnà re saothair. 7 Le gaoith an ear mìn-bhrisidh tu longa Tharsis. 8 Mar a chuala sinn, is amhuil a chunnaic sinn ann am baile Thighearna nan slògh, ann am (1) na nithe uamhasach. (2) caithreime. (3) mòrachd. (4) mòr-bhaile, cathair. (5) cathair. [TD 206] SALM XLIX. baile ar Dé: dainignichidh se e gu bràth. Selah. 9 Smuainich sinn air do chaoimhneas gràidh, a Dhé, ann am meadhon do theampuill. 10 Mar t’ainm, a Dhé, mar sin a ta do chliu gu crìochaibh na talmhainn: tha do dheas làmh làn do fhìreantachd. 11 Deanadh sliabh Shioin aoibhneas, deanadh nigheana Iudah gairdeachas, airson do bhreitheanasa. 12 Cuairtichibh Sion, agus rachaibh m’a timchioll; àirmhibh a tùir. 13 Thugaibh an aire d’a balladh làidir (1), comharaichibh a lùchairtean (2), chum gu cuir sibh an céill e do’n àl re teachd. 14 Oir is e an Dia so ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal: stiùraidh e sinn gu ruig am bàs (3). SALM XLIX. Do’n ard fhear-ciuil, Salm air son mhac Chorah. CLUINNIBH so, a shlòigh uile, éisdibh, sibhse uile luchd-àiteachaidh an domhain, 2 Araon a dhaoine ìosal agus ard, beartach agus bochd le chéile. 3 Labhraidh mo bheul gliocas (4), agus smuaintichidh mo chridhe air tuigse (5). 4 Aomaidh mi gu cosamhlachd mo chluas; nochdaidh (6) mi air a’ chlàrsaich mo ràdh dorcha. 5 C’arson a bhiodh eagal orm ann an laithibh an uilc, ’nuair a chuairticheas aingidheachd m’eascairdean (7) mi, 6 A dh’earbas as an saibhreas, agus a ni uaill a pailteas am beartais? 7 Cha’n urrainn duine air chor sam bith a bhràthair a shaoradh, no éiric a thabhairt do Dhia air a shon: 8 (Oir tha saorsa an anama luachmhor, agus sguiridh e am feasd:) 9 Gu maireadh e beo gu sìorruidh, agus nach faiceadh e truaillidheachd (8). 10 Oir chi e gu’m faigh na daoine glice bàs, gu’n sgriosar le chéile an t-amadan agus an t-ùmaidh, agus gu’m fàg iad am beartas aig daoinibh eile. 11 Is iad smuaintean an cridhe gu mair an tighean gu bràth, an ionada-còmhnuidh o linn gu linn: bheir iad ainm air am fearann, a réir an ainme féin. 12 Ach ge do robh an duine ann an urram, cha mhair e (9): is cosmhuil e ris na h-ainmhidhibh, a ghearrar as. 13 Is i so an slighe, eadhon an amaideachd: gidheadh gabhaidh an sliochd tlachd ’nan cainnt. Selah. 14 Mar chaoraich cuirear iad san uaigh, ithidh am bàs iad (10), agus bithidh uachdaranachd aig na fireanaibh os an cionn anns a’ mhaduinn: seargaidh (11) an dreach as san uaigh, an ionad-còmhnuidh (12). 15 Ach saoraidh Dia m’anam-sa o chumhachd (13) na h-uai- (1) d’a daingneachd, d’a neart. (2) caistealan. (3) gu bràth. (4) nithe glice. (5) nithibh tuigseach. (6) fosgailidh. Eabh. (7) aingidheachd luchd-feall; lochd mo shàl. (8) Ach mairidh esan [an t-aon naomha] beo gu sìorruidh; cha’n fhaic e truaillidheachd. (9) tha e gun tuigse. (10) ionaltraidh am bàs orra. (11) agus seargaidh. (12) o’n ionad-còmhnuidh. (13) o làimh. Eabh. [TD 207] SALM CAIB. L. ghe; oir gabhaidh e mi d’a ionnsuidh. Selah. 16 Na gabh thusa eagal an uair a dh’fhàsas duine beartach, ’nuair a mheudaichear glòir a thighe: 17 Oir ’nuair a gheibh e bàs, cha d’thoir e ni air bith leis; cha d’théid a ghlòir sìos ’na dhéidh: 18 Ge do bheannuich e anam féin, ’nuair a tha e beo; agus molar thusa, ’nuair a ni thu maith dhuit féin (1). 19 Théid e gu h-àl a shinnsear: gu bràth cha’n fhaic iadsan solus. 20 Tha ’n duine, a tha ann an urram, agus a tha gun tuisge, cosmhuil ris na h-ainmhidhibh a ghearrar as. SALM L. Salm le Asaph. LABHAIR Dia nan Dia (2), Iehobhah, agus ghairm e an talamh o éirigh gu ruig luidhe gréine. 2 A mach a Sion, iomlaine na maise, dhealruich Dia. 3 Thig ar Dia-ne, agus cha bhi e ’na thosd: roimh a ghnùis lasaidh teine millteach (3), agus mu’n cuairt air bithidh doinionn mhòr. 4 Gairmidh e air na nèamhaibh o’n airde, agus air an talamh, chum breth a thoirt air a shluagh. 5 Cruinnichibh mo naoimh a m’ ionnsuidh, iadsan a rinn coimhcheangal rium le h-ìobairt. 6 Agus cuiridh na nèamhan an céill a cheartas; oir is e Dia féin a’s Breitheamh ann. Selah. 7 Eisdibh, O mo shluagh, agus labhraidh mi; O Israel, agus ni mi fianuis a’t’ aghaidh (4): is mise Dia, do Dhia-sa. 8 Air son t’ìobairtean cha’n agair mi thu; oir tha t’ìobairtean-loisgte a ghnàth a’m’ fhianuis. 9 Cha ghabh mi tarbh òg as do thigh, no gabhair fhirionn as do mhainniribh (5). 10 Oir is leamsa uile bheathaiche na coille, an spréidh air mìle sliabh. 11 Is aithne dhomhsa uile eunlaith nam beann (6); agus is leamsa fiadh-bheathaiche na macharach. 12 Nam bithinn ocrach, cha’n innsinn duitse; oir is leamsa an domhan, agus a làn. 13 An e gu’n ithinn feoil tharbh? agus an òlainn fuil ghabhar? 14 Iobair ìobairt bhuidheachais do Dhia, agus ìoc do bhòidean do’n Ti a’s airde. 15 Agus gairm orm ann an latha teanntachd: saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhomhsa. 16 Ach ris an droch dhuine their Dia, Ciod e do ghnothuch-sa mo reachdan (7) a chur an céill, no gu’n gabhadh tu mo choimhcheangal ann ad bheul; 17 ’Nuair a ta fuath agad air fòghlum, agus a thilg thu mo bhriathran air do chùl? 18 Ma chunnaic thu gaduiche, dh’aontaich thu leis (8); agus (1) agus ge do mhol e thusa, ’nuair a ni thu maith dha. (2) an Dia treun. (3) caithidh teine, ithidh teine suas. Eabh. (4) mu d’ thimchioll, dhuit. (5) chròthaibh. (6) eunlaith an athair. (7) stàtuin. (8) ruith thu leis. [TD 208] SALM LI. maille re luchd adhaltrannuis bha do chuibhrionn. 19 Chuir thu do bheul chum uilc, agus dhealbh do theanga cealg. 20 Shuidh thu, agus an aghaidh do bhràthar labhair thu; agus do mhac do mhàthar thug thu beum (1). 21 Na nithe so rinn thu, agus bha mise a’m’ thosd; shaoil thu gu’n robh mi gu tur mar thu féin: cronaichidh mi thu, agus cuiridh mi gach ni an ordugh fa chomhair do shùl. 22 Smuainichibh a nis air so, sibhse nach cuimhnich Dia; air eagal gu’n reub mi as a chéile, gun neach ann a theasairgeas. 23 Esan a dh’ìobras moladh, bheir e glòir dhomhsa; agus dhasan a dh’orduicheas a shlighe, nochdaidh mi (2) slàinte Dhé. SALM LI. Do’n ard fhear-ciuil, Salm le Daibhidh, ’nuair a thàinig Natan am fàidh d’a ionnsuidh, an déigh dha bhi aig Batseba. DEAN tròcair orm, a Dhé, a réir do chaoimhneis gràidh; a réir lìonmhoireachd do chaomh thròcairean (3), dubh as m’eusaontas. 2 Gu h-iomlan ionnail mi om’ lochd, agus glan mi om’ pheacadh: 3 Oir tha mi ag aideachadh m’eusaontais, agus tha mo pheacadh a’m’ làthair a ghnàth. 4 A’t’aghaidh, a’t’aghaidh féin a mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc a’d’ shealladh, air chor as gu’m fireanaichear thusa ’nuair a labhras tu, gu’m bi thu glan ’nuair a bheir thu breth. 5 Feuch, ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi ’na broinn. 6 Feuch, is ionmhuinn leat an fhìrinn san taobh a stigh (4); agus san ionad fholuichte bheir thu orm gliocas a thuigsinn. 7 Glan mi le hisop, agus bithidh mi glan; ionnail mi, agus bithidh mi ni’s gile na sneachda. 8 Thoir orm guth subhachais agus aoibhneis a chluinntinn; agus ni na cnàmhan a bhris thu gairdeachas. 9 Foluich do ghnùis o’m’ pheacaibh, agus dubh as m’eucearta gu léir. 10 Cruthaich annam cridhe glan, a Dhé; agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a stigh dhìom. 11 Na tilg mi o d’ shealladh, agus na toir do spiorad naomha uam. 12 Aisig dhomh gairdeachas do shlàinte, agus le d’ spiorad saor cum suas mi: 13 Teagaisgidh mi do luchd-eusaontais do shlighean; agus iompoichear peacaich a t’ ionnsuidh. 14 Saor mi o chionta fola, a Dhé, a Dhè mo shlàinte: ard-mholaidh mo theanga t’fhìreantachd. 15 A Thighearn, fosgail mo bhilean, agus cuiridh mo bheul an céill do chliu. 16 Oir cha’n iarr thu ìobairt, no bheirinn dhuit i; ann an ìobairt-loisgte cha ’n’eil tlachd agad. (1) masladh. (2) agus is i so an t-slighe air an nochd mi dha. (3) do thruacantais. (4) sna h-airnibh. [TD 209] SALM LII. LIII. 17 Is iad ìobairtean Dhé spiorad briste: air cridhe briste agus brùite, a Dhé, cha dean thusa tàir. 18 Dean maith, a’d’ dheadh-ghean, do Shion; tog suas ballacha Ierusaleim. 19 An sin taitnidh ìobairtean ionracais riut, ìobairtean-loisgte agus làn ìobairtean-loisgte: an sin ìobraidh iad tairbh òga air t’altair. SALM LII. Do’n ard fhear-ciuil, Maschil le Daibhidh, ’nuair a thàinig Doeg an t-Edomach, agus a dh’innis e do Shaul, agus a thubhairt e ris, Thàinig Daibhidh gu tigh Ahimeleich. C’ARSON a ni thu uaill as an olc, O ghaisgich? Mairidh maitheas Dé a ghnàth (1). 2 Dealbhaidh do theanga aimhleas, mar ealtuinn ghéir, ag oibreachadh ceilge. 3 Is annsa leat an t-olc na maith, a’ bhreug na briathran a’ cheartais. Selah. 4 Is ionmhuinn leat gach focal millteach, an teanga chealgach (2). 5 Uime sin (3) sgriosaidh Dia thu gu bràth: bheir e air falbh thu, agus tairngidh e as [do] phàilliun thu, agus spìonaidh e do fhreumhan a tìr nam beo. Selah. 6 Agus chi na fireana, agus bithidh eagal orra, agus ni iad gàire uime, ag ràdh, 7 Feuch, so am fear nach d’rinn a neart do Dhia, ach a dh’earb a pailteas a bheartais, agus a neartaich e féin ’na aingidheachd. 8 Ach bithidh mise mar chrann-olaidh uaine ann an tigh Dhé; earbaidh mi a tròcair Dhé gu saoghal nan saoghal. 9 Molaidh mise thu gu sìorruidh, a chionn gu’n d’rinn thu e; agus feithidh mi air t’ainm-sa, oir tha e maith an làthair do naomh. SALM LIII. Do’n ard-fhear-ciuil, air Mahalat, Maschil le Daibhidh. THUBHAIRT an t-amadan ’na chridhe, Cha ’n’eil Dia ann: Tha iad truaillidh, agus rinn iad aingidheachd ghràineil; cha ’n’eil neach ann a ni maith. 2 Dh’amhairc Dia anuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ’g iarraidh Dhé. 3 Chaidh gach aon diubh air ais; tha iad gu léir air fàs salach: cha ’n’eil neach ann a ni maith, cha ’n’eil eadhon aon. 4 Nach ’eil eòlas aca-san a tha deanamh na h-eucorach, a tha ’g itheadh suas mo shluaigh, mar a dh’itheadh iad aran, agus nach gairm air Dia? 5 An sin ghabh iad eagal mòr, ’nuair nach robh aobhar eagail ann; sgaoil Dia a chnàmha-san o chéile a champuich a’d’ aghaidh: nàraich thu iad, a chionn gu’n d’rinn Dia tàir orra. 6 O gu d’thigeadh slàinte Israeil a mach a Sion! An uair a bheir Dia air ais braighdeanas a shluaigh, ni Iacob gairdeachas, ni Israel aoibhneas. (1) gach là. Eabh. (2) a theanga chealgaich. (3) Mar an ceudna. [TD 210] SALM LIV. LV. SALM LIV. Do’n ard fhear-ciuil air Neginot, Maschil le Daibhidh, ’nuair a thàinig na Siphich, agus a thubhairt iad re Saul, Nach ’eil Daibhidh ’ga fholach féin maille ruinne? AIR sgàth t’ainme, a Dhé, saor thusa mi, agus le d’ chumhachd cum cothrom rium. 2 Cluinn m’ùrnuigh, a Dhé; éisd re briathraibh mo bheoil. 3 Oir dh’éirich coigrich (1) a’m’ aghaidh, agus dh’iarr luchd foirneirt mo bheatha; cha do chuir iad Dia fa’n comhair. Selah. 4 Feuch, is e Dia m’fhear-cuideachaidh: tha’n Tighearna dhiubhsan (2) a chumas suas mo bheatha. 5 Dìolaidh e olc do m’ naimhdibh: a’t’ fhìrinn gearr as iad. 6 Le saor thoil bheir mi ìobairt dhuit; molaidh mi t’ainm, a Thighearn, oir tha e maith. 7 Oir shaor thu mi as gach teinn: agus chunnaic mo shùil mo mhiann air mo naimhdibh. SALM LV. Do’n ard fhear-ciuil, air Neginot, Maschil le Daibhidh. EISD, a Dhé, re m’ùrnuigh, agus na folaich thu féin o m’asluchadh. 2 Thoir aire dhomh, agus éisd rium: tha mi ard ann am ghearan, agus re bùireadh: 3 Airson gutha m’eascaraid, airson foirneirt an duine aingidh; oir tha iad a’ tilgeadh euceirt orm, agus am feirg tha iad a’ toirt fuatha dhomh. 4 Tha mo chridhe air a chràdh an taobh a stigh dhìom, agus thuit uamhasan a’ bhàis orm. 5 Thàinig eagal agus crith orm, agus chòmhdaich uamhunn mi. 6 Agus thubhairt mi, Och, nach robh agam sgiathan! mar choluman theichinn as air iteig, agus gheibhinn fois. 7 Feuch, shiùbhlainn fad as; chòmhnuichinn anns an fhàsach. Selah. 8 Dheanainn deifir (3) gu dol as o ghaoith làidir (4), agus o’n doininn. 9 Sgrios, a Thighearn, agus roinn an teanga (5); oir chunnaic mi foirneart agus consachadh sa’ bhaile. 10 A là agus a dh’oidhche tha iad a’ dol mu’n cuairt air, air a bhallaibh; agus tha euceart agus aimhleas ’na mheadhon. 11 Tha aingidheachd ’na mheadhon; agus cha dealaich feall agus cealg r’a shràidibh. 12 Oir cha bu nàmhaid a thug masladh dhomh, no dh’fhuilginn e; cha b’e fear le ’m b’fhuathach mi a dh’ardaich e féin a’m’ aghaidh, no dh’fholaichinn mi féin uaith: 13 Ach thusa! fear bu choimpire dhomh féin (6), fear m’iuil, agus fear m’eòlais. 14 Le chéile ghabh sinn comhairle bhlasta; gu tigh Dhé dh’imich sinn cuideachd. 15 Gabhadh am bàs sealbh orra, rachadh iad sìos beo do’n uaigh (7); oir ata uilc ’nan àite-còmhnuidh, ’nam meadhon. (1) na h-uaibhrich. (2) ’nam measgsan, leo-san. (3) cabhag. (4) annrathaich, bhuaireasaich. (5) comhairle. (6) a réir mo choslais féin, a réir mo chridhe féin. (7) gu h-ifrinn. [TD 211] SALM LVI. 16 Glaodhaidh mise re Dia; agus saoraidh Iehobhah mi. 17 Air feasgar, air maduinn, agus aig meadhon-là ni mi ùrnuigh, agus glaodhaidh mi gu h-ard; agus éisdidh esan re m’ ghuth. 18 Saoraidh (1) e m’anam ann an sìth o’n chòmhrag a’m’ aghaidh; oir is lìonmhor iad a tha strì rium (2). 19 Eisdidh Dia, agus bheir e nuas iad, eadhon esan a tha ann o chian. Selah: oir cha ’n’eil atharrachadh orra, agus cha ’n’eil eagal Dé orra. 20 Shìn e mach a làmh ’nan aghaidh-san a bha an sìth ris; bhris e a choimhcheangal. 21 Bu mhìne na im focail a bhéil, ach bha cogadh ’na chridhe; bu bhuige a bhriathra na ola, ach bu chloidhean rùisgte iad. 22 Tilg air an Tighearna do chùram (3), agus cumaidh esan suas thu: cha leig e am feasd do’n fhìrean a bhi air a ghluasad. 21 Ach tilgidh tusa, a Dhé, sìos iad gu slochd an sgrios: cha mhair daoine fuileachdach agus cealgach leth an laithean; ach cuiridh mise mo dhòigh annadsa. SALM LVI. Do’n ard fhear-ciuil air Ionatelim-rechocim, Michtam le Daibhidh, an uair a ghlac na Philistich e ann an Gat. DEAN iochd orm, a Dhé; oir b’àill le duine mo shlugadh suas (4): tha e ’gam shàruchadh gach là le cogadh. 2 B’àill le m’eascairdibh mo shlugadh suas gach là; oir is lìonmhor iad a tha cogadh rium o ionad ard (5). 3 San là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa. 4 Ann an Dia molaidh mi fhocal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; cha’n eagal leam ciod a dh’fheudas feoil a dheanamh orm. 5 Gach là (6) tha iad a’ fiaradh mo bhriathar; tha’n smuainte uile a’m’ aghaidh chum uilc. 6 Tha iad a’ cruinneachadh le chéile, tha iad ’gam folach féin; tha iad a’ toirt fa’near mo cheumanna, ’nuair a tha iad a’ feitheamh airson m’anama. 7 Le h-eucoir (7) an d’théid iad as? ann ad fheirg tilg sìos na slòigh, a Dhé. 8 Dh’àireamh thu mo sheacharain: cuir mo dheoir ann ad shearraig (8): nach ’eil iad ann ad leabhar? 9 Ansin pillear mo naimhdean air an ais, san là a ghairmeas mi ort: air so tha fios agam, oir tha Dia leam. 10 Ann an Dia molaidh mi fhocal: anns an Tighearna molaidh mi fhocal. 11 Ann an Dia chuir mi mo dhòigh: cha’n eagal leam ciod a dh’fheudas duine a dheanamh orm. 12 Ormsa, a Dhé, tha do bhòidean (9): ìocaidh mi cliu dhuit: 13 Oir shaor thu m’anam o’n bhàs, agus mar an ceudna mo chosan o thuisleadh, chum gu gluaisinn ann ad fhianuis, a Dhé, ann an solus nam beo. (1) Shaor. (2) bu lìonmhor iad a bha leam. (3) t’eallach. (4) saltairt orm. (5) O thi a’s airde! (6) rè an latha. (7) Airson an euceirt. (8) ann ad shoireadh, ann ad shealladh. (9) mhòidean. [TD 212] SALM LVII. LVIII. SALM LVII. Do’n ard fhear-ciuil, Altaschit,Michtam le Daibhidh, ’nuair a theich e o làthair Shauil do’n uaimh. DEAN tròcair orm, a Dhé, dean tròcair orm; oir annadsa tha m’anam a’ cur a dhòigh, agus fuidh sgàile do sgiathan gabhaidh mi mo thearmunn, gus an d’théid na h-uilc so uile thairis. 2 Eighidh mi ris an Dia a’s àirde, re Dia a choimhlionas nithe air mo shon. 3 Cuiridh e neart o nèamh, agus saoraidh e mi; bheir e masladh do’n fhear le’m b’àill mo shlugadh suas (1). Selah. Cuiridh Dia a mach a thròcair agus fhìrinn. 4 Tha m’anam am measg leòmhan; tha mi a’m’ luidhe am measg droinge air lasadh (2), daoine aig am bheil am fiacla ’nan sleaghaibh agus ’nan saighdibh, agus an teanga ’na claidheamh geur. 5 Ardaich thu féin os cionn nan nèamh, a Dhé; do ghlòir os cionn na talmhainn uile. 6 Dheasaich iad lìon fa chomhair mo cheum; chrom iad m’anam sìos: chladhaich iad slochd romham; thuit iad féin ’na mheadhon. Selah. 7 Tha mo chridhe deas (3), a Dhé, tha mo chridhe deas: seinnidh mi, agus molaidh mi. 8 Mosgail, mo ghlòir; mosgail, a shaltair agus a chlàrsaich: mosglaidh mi féin moch air mhaduinn. 9 Molaidh mi thu am measg nan sluagh, a Thighearn; seinnidh mi dhuit am measg nan cinneach. 10 Oir is mòr do thròcair (4) gu ruig na nèamha, agus t’fhìrinn gu ruig na neula. 11 Ardaich thu féin os cionn nan nèamh, a Dhé; do ghlòir os cionn na talmhainn uile. SALM LVIII. Do’n ard fhear-ciuil, Al-taschit, Michtam le Daibhidh. AN labhair sibh, a choimhthionail (5), da rìreadh an ceartas? an d’thoir sibh breth gu cothromach, a chlann nan daoine? 2 Seadh, ’nar cridhe tha sibh a’ dealbhadh aingidheachd; air talamh tha sibh a’ tomhas foirneirt bhur làmh. 3 Tha na h-aingidh a’ claonadh o’n bhroinn; tha iad a’ dol air seacharan o’m breith, a’ labhairt bhreug. 4 Tha an nimh mar nimh nathrach; tha iad mar nathair bhodhar, a dhruideas a cluas, 5 Nach éisd re guth nan druidh, a tha ro-sheòlta ’nan druidheachd. 6 Bris am fiaclan, a Dhé, ’nam beul; pronn gu tur tuisg (6) nan leomhan òg, a Thighearn. 7 Leaghadh iad, mar uisgeacha a ruitheas gu saor (7); cuireadh Dia a shaighdean ’nan aghaidh, agus gearrar as iad. 8 Mar sheilcheig a bhios a’ leaghadh as, rachadh iad as; mar thorraicheas anabuich mnà, na faiceadh iad a’ ghrian. 9 Mu’m mothaich bhur coir- (1) saltairt orm. (2) re theine. (3) ullamh, gleusta, suidhichte. (4) mhaitheas, chaoimhneas. (5) a bhreitheamhna. (6) fiacla mòra, cùil-fhiacla. (7) leo féin, an còmhnuidh. [TD 213] SALM LIX. eacha teas o’n droighnich, bheir e air falbh iad mar le h-ioma-ghaoith (1), araon beo, agus ’na chorruich. 10 Bithidh aoibhneas air an fhìrean, an uair a chi e an dioghaltas: nighidh e a chosan ann am fuil an duine aingidh. 11 Ansin their duine, Gu deimhin tha duais ann do’n fhìrean; gu cinnteach tha Dia ann a tha toirt breth air an talamh. SALM LIX. Do’n ard fhear-ciuil, Al-taschit, Michtam le Daibhidh; ’nuair a chuir Saul daoine uaith, agus a chuir iad faire air an tigh, chum a mharbhadh. TEASAIRG mi o m’ naimhdibh, O mo Dhia; dìon mi uatha-san a tha ’g éirigh a’m’ aghaidh. 2 Teasairg mi o luchd-deanamh na h-euceirt, agus o dhaoinibh fuileachdach saor mi: 3 Oir feuch, tha iad a’ feitheamh nam fàth (2) an aghaidh m’anama; tha daoine cumhachdach air cruinneachadh a’m’ aghaidh; cha’n ann air son mo lochd-sa, no air son mo pheacaidh, a Thighearn. 4 Gun choire agamsa, ruithidh iad, agus ulluichidh siad iad féin: mosgail thusa a chuideachadh leam, agus amhairc. 5 O thusa, a Thighearn, a Dhé nan sluagh, a Dhé Israeil, mosgail a dh’fhiosrachadh nan cinneach uile: na dean iochd air luchd-eusaontais ciontach sam bith. Selah. 6 Pillidh iad san fheasgar, ni iad donnalaich mar choin, agus théid iad mu’n cuairt air a’ bhaile. 7 Feuch, brùchdaidh iad a mach le’m beul; tha cloidhean ’nam bilibh: Oir cò, ars’ iadsan, a chluinneas? 8 Ach ni thusa, a Thighearn, gàire umpa; ni thu fanoid (3) air na cinnich uile. 9 O thusa mo neart (4), feithidh mi ort: oir is e Dia mo dhaingneach (5). 10 Mo Dhia, gabhaidh a thròcair romham (6): bheir Dia dhomh gu faic mi mo mhiann air m’eascairdibh. 11 Na marbh iad, air eagal gu’n di-chuimhnich mo shluagh; sgaoil iad le d’ neart, agus leag gu h-ìosal iad, a Thighearn ar sgiath. 12 Air son peacaidh am beoil, air son bhriathar am bilean, glacar iad ’nan ardan; eadhon air son nam mallachd agus nam breug a labhras iad. 13 Sgrios [iad] am feirg, sgrios [iad,] agus na biodh iad ann; agus biodh fios aig daoine gu bheil Dia ’na uachdaran ann an Iacob, gu ruig (7) crìocha na talmhainn. Selah. 14 Pillidh iad san fheasgar, ni iad donnalaich mar choin, agus théid iad mu’n cuairt air a’ bhaile. 15 Gabhaidh iad a null agus a nall air son bìdh (8), agus mur sàsuichear iad, ni iad gearan. 16 Ach seinnidh mise mu d’ neart, agus ard-mholaidh mi sa’ mhaduinn do thròcair; oir (1) cuairt-ghaoith. (2) re feall-fholach, a’ luidhe am plaid. (3) tarcuis. (4) Air sgàth a neirt. (5) dhìdean. (6) Gabhaidh Dia mo thròcaire romham. (7) agus gu ruig. (8) ag iarraidh bìdh. [TD 214] SALM LX. LXI. bu tusa mo dhaingneach, agus mo dhìdean, ann an latha mo theanntachd. 17 O thusa mo neart, canaidh mi dhuit; oir is e Dia mo dhaingneach, mo Dhia-sa, mo thròcair (1). SALM LX. Do’n ard fhear-ciuil air Susanedut, Michtam le Daibhidh, chum teagaisg, an uair a chog e an aghaidh Aram-naharaim, agus an aghaidh Aram-sobah, agus a phill Ioab, agus a bhuail e do Edom ann an gleann an t-salainn dà mhìle dheug. A Dhé, thilg thu uait sinn, sgap (2) thu sinn, bha fearg ort; O pill thusa ruinn. 2 Chuir thu an talamh air chrith; bhris thu e; slànuich a bhriseadh, oir tha e air a luasgadh (3). 3 Nochd thu do d’ shluagh nithe cruaidh; thug thu oirnn fion a’ bhuaireis òl. 4 Thug thu bratach dhoibhsan d’an eagal thu, gu bhi air a togail suas air sgàth na firinn. Selah. 5 Chum gu teasairgear iadsan a’s ionmhuinn leat, saor thusa le d’ dheas laimh, agus éisd rium. 6 Labhair Dia ’na naomhachd: ni mi aoibhneas, roinnidh mi Sechem, agus tomhaisidh mi gleann Shucoit. 7 Is leamsa Gilead, agus is leam Manaseh; agus is e Ephraim neart mo chinn, Iudah fear-tabhairt mo lagha. 8 Is e Moab ma shoitheach-ionnlaid; os cionn Edoim tilgidh mi mo bhròg: thar Palestin ni mi caithreim (4). 9 Cò bheir mi do’n bhaile dhaingnichte? cò threòraicheas mi gu h-Edom? 10 Nach tusa, a Dhé? thusa a thilg uait sinn, agus nach deachaidh a mach, a Dhé, maille r’ar n-armailtibh? 11 Thoir còmhnadh dhuinn ann an teinn (5); oir is dìomhain furtachd duine. 12 Trìd Dhé ni sinn treubhantas; oir saltraidh esan sìos ar naimhdean. SALM LXI. Do’n ard fhear-ciuil, air Neginot. Salm le Daibhidh. EISD, a Dhé, re m’ ghlaodh, thoir an aire do m’ ùrnuigh. 2 O iomall na talmhainn éighidh mi riut, an uair a bhios mo chridhe lag (6): chum na carraige a’s airde na mi féin, treòraich thusa mi: 3 Oir bha thusa a’d’ thearmunn domh, a’d’ thùr làidir an aghaidh an nàmhaid. 4 Gabhaidh mi còmhnuidh ann ad phàilliun gu bràth: cuiridh mi mo dhòigh ann an sgàil do sgiathan. Selah. 5 Oir chuala tusa, a Dhé, mo bhòidean: thug thu oighreachd dhoibhsan air am bheil eagal t’ainme. 6 Cuir thusa (7) laithean re laithibh an righ: biodh a bhliadhnan mar linn agus linn. 7 Maireadh e gu bràth am (1) Dia mo thròcaire, mo Dhia tròcaireach. (2) bhris. (3) a’ criothnuchadh. (4) air mo shonsa, a Phalestin, dean caithreim. (5) an aghaidh an nàmhaid. (6) trom, fa thuirse. (7) Cuiridh tusa. [TD 215] SALM LXII. LXIII. fianuis Dhé: gleidheadh tròcair agus firinn e (1). 8 Mar sin seinnidh mi cliu do t’ainm gu bràth, chum gu dìol (2) mi mo bhòidean o là gu là. SALM LXII. Do’n ard fhear-ciuil, do Iedutun. Salm le Daibhidh. AIR Dia amhàin tha m’anam a’ feitheamh: uaith-san thig mo shlàinte. 2 Is esan amhàin mo charraig agus mo shlàinte: is e mo dhìdean: cha ghluaisear gu mòr mi. 3 Cia fhad a dhealbhas sibh aimhleas an aghaidh duine? marbhar sibh uile; mar bhalladh ag aomadh, mar ghàradh (3) air chrith, bithidh sibh. 4 A mhàin chum a thilgeadh sìos o ’airde (4) tha iad a’ gabhail comhairle le chéile; is miann leo breugan; le’m beul beannuichidh iad, ach ’nan cridhe malluichidh iad. Selah. 5 A mhàin air Dia feith, O m’anam; oir is ann uaith-san a ta mo dhòchas. 6 Is esan a mhàin mo charraig, agus mo shlàinte: is e mo dhìdean; cha ghluaisear mi. 7 An Dia tha mo shlàinte agus mo ghlòir; carraig mo neirt, mo thearmunn is e Dia. 8 Cuiribh air gach àm bhur dòigh ann, O a shluagh; dòirtibh a mach bhur cridhe ’na fhianuis: tha Dia na thearmunn duinn. Selah. 9 Gu cinnteach tha clann Adhaimh (5) ’nan dìomhanas, clann an duine (6) ’nam bréig: air meidh ma chuirear iad, is eutruime iad gu léir na dìomhanas. 10 Na h-earbaibh a foirneart, agus a reubainn na deanaibh uaill (7): ’nuair a dh’fhàsas saibhreas, na cuiribh bhur cridhe air. 11 Aon uair labhair Dia, dà uair chuala mi so, gur le Dia cumhachd. 12 Mar an ceudna dhuitse, a Thighearn, buinidh tròcair; oir bheir thu (8) luigheachd do dhuine a réir oibre. SALM LXIII. Salm le Daibhidh, ’nuair a bha e ann am fàsach Iudah. A DHIA, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu: tha tart air m’anam a’d’ dhéigh, tha m’fheoil a’ togradh a t’ionnsuidh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge: 2 Chum, mar a chunnaic mi thu ann ad ionad naomha, gu faicinn do chumhachd agus do ghlòir. 3 Do bhrìgh gur fearr do chaoimhneas gràidh (9) na beatha, bheir mo bhilean cliu dhuit. 4 Mar sin beannuichidh mi thu, an cian is beo mi; ann ad ainm togaidh mi mo làmhan. 5 Mar le smior agus le saill sàsuichear m’anam, agus le bilibh aoibhneach molaidh mo bheul thu; 6 ’Nuair a chuimhnicheas mi ort air mo leabaidh, a bheachd-smuainicheas mi ort ann am fairibh na h-oidhche. (1) deasaich, no orduich gu’n gléidh tròcair agus firinn e. (2) coimhlion. (3) dhìg, fhàl. (4) o urram, o a chliu. (5) daoine beag. (6) daoine mòra. (7) le reubainn na meallar sibh. (8) ge do bheir thu. (9) do thròcair-sa. [TD 216] SALM LXIV. LXV. 7 A chionn gu robh thu a’d’ chabhair agam, uime sin fo sgàile do sgiathan ni mi gairdeachas. 8 Tha m’anam a’ dlùth-leantuinn riut: cumaidh do dheas làmh suas mi. 9 Ach iadsan a dh’iarras m’anam a chum a sgrios, théid iad do ionadaibh ìochdarach na talmhainn. 10 Tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh; mar chuibhrionn do na sionnachaibh bithidh iad. 11 Ach bithidh an righ aoibhneach ann an Dia: ni gach neach a mhionnuicheas airsan, uaill; ’nuair a dhruidear beul na droinge a labhras breug. SALM LXIV. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. EISD, a Dhé, re m’ ghuth ann am asluchadh; o eagal an nàmhaid gléidh mo bheatha. 2 Folaich mi o chomhairle dhìomhair dhroch dhaoine, o chomh-chruinneachadh (1) luchddeanamh na h-euceirt; 3 A gheuraich mar chlaidheamh an teanga; a dheasaich an saighdean, eadhon briathra searbh; 4 Chum an tilgeadh ann an ionadaibh dìomhair air an duine ionraic (2): gu h-obann tilgidh iad air, agus cha bhi eagal orra (3). 5 Gabhaidh iad misneach dhoibh féin an droch-bheirt; labhraidh iad le chéile mu leagadh ribeacha gu dìomhair; ’se their iad, Cò a chi sinn (4)? 6 Rannsaichidh iad a mach eucearta; coimhlionaidh iad mìn-rannsachadh; agus sin an taobh a stigh do dhuine, eadhon fa’ chridhe dhomhain. 7 Ach tilgidh Dia saighid orra-san; gu h-obann bithidh iad air an lotadh (5). 8 Agus bheir iad air an teangaidh féin tuiteam orra féin: teichidh gach neach a chi iad. 9 Agus bithidh eagal air gach duine (6), agus cuiridh iad an céill obair Dhé; oir tuigidh iad a ghnìomh-san. 10 Ni am firean aoibhneas anns an Tighearn, agus cuiridh e a dhòchas ann: agus ni iadsan uile a tha ceart ’nan cridhe gairdeachas. SALM LXV. Do’n ard fhear-ciuil. Salm no laoidh le Daibhidh. ORTSA, O Dhé, tha moladh a’ feitheamh ann an Sion, agus dhuitse dìolar a’ bhòid (7). 2 O thusa a dh’éisdeas re h-ùrnuigh, thugadsa (8) thig gach feoil. 3 Thug eucearta (9) buaidh oirnn (10): ar n-eusaontais glanaidh tusa uainn. 4 Is beannuichte esan a thaghas tusa, agus a bheir thu am fagus duit; gheibh e còmhnuidh a’d’ chùirtibh: sàsuichear sinne le maitheas do thighe, do theampuill naomha. 5 Le nithibh uamhasach an ceartas bheir thu freagradh dhuinn, a Dhé ar slàinte, dòchas uile chrìocha na talmhainn, agus na fairge, fada uainn! (1) cheannairc, ionnsuidh ghairbh, bhuaireas. (2) fhoirfe, iomlan. (3) cha’n fhaicear iad. (4) iad. (5) air am bualadh. (6) chi na h-uile dhaoine. (7) dìolar a’ bhòid [ann an Ierusalem.] (8) chugadsa. (9) nithe euceart. (10) orm. [TD 217] SALM LXVI. 6 A tha socrachadh nam beann le d’ (1) chumhachd, air do chrioslachadh le neart (2); 7 A chaisgeas fuaim fhairgean, fuaim an tonn, agus buaireas nan cinneach. 8 Gabhaidh eadhon luchd-àiteachaidh nan crìoch fada mach (3) eagal roimh do chomharaibh: bheir thusa air dol a mach na maidne agus an fheasgair gairdeachas a dheanamh. 9 Tha thu a’ fiosrachadh na talmhainn (4), agus ’ga uisgeachadh; ni thu ro-bheartach e, oir tha abhuinn Dé làn do uisge: deasaichidh tu arbhar (5), ’nuair a dh’ulluich thu e mar so. 10 Tha thu gu pailte ag uisgeachadh iomairean, tha thu a’ leagadh sìos a sgrìoban; le frasaibh ni thu tais e, beannuichidh tu fhàs. 11 Crùnaidh tu a’ bhliadhna le d’ mhaitheas; agus silidh do cheuman (6) saill. 12 Silidh iad air cluainibh (7) an fhàsaich; agus ni na cnuic gairdeachas air gach taobh. 13 Tha na cluainean air an sgeadachadh (8) le treudaibh, agus tha na glinn air an còmhdachadh le h-arbhar: ni iad iolach ait; seadh, seinnidh iad. SALM LXVI. Do’n ard fhear-ciuil. Salm no laoidh. TOGAIBH iolach ait do Dhia, a thìrean uile. 2 Seinnibh glòir ainme, deanaibh a chliu glòrmhor. 3 Abraibh re Dia, Cia h-uamhasach t’oibre? trìd meud do neirt, strìochdaidh do naimhde dhuit. 4 Sleuchdaidh gach tìr dhuit, agus seinnidh iad dhuit; seinnidh iad do t’ainm. Selah. 5 Thigibh, agus faicibh oibre Dé: uamhasach tha e ’na ghnìomharaibh air chloinn nan daoine: 6 Thionndaidh e a’ mhuir gu talamh tioram: troimh ’n t-sruth ghabh iad thairis d’an cois. An sin rinn (9) sinn gairdeachas ann. 7 Le thréin neart riaghluidh e gu bràth; amhaircidh a shùilean air na cinnich: na h-ardaicheadh luchd-ceannairc iad féin. Selah. 8 Beannuichibh, O a shlòigh, ar Dia-ne, agus thugaibh air fuaim a mholaidh bhi air a cluinntinn; 9 Neach a chumas ar n-anam beo, agus nach leig le’r cois carruchadh (10). 10 Oir dhearbh thu sinn, a Dhé; ghlan thu sinn san teine, mar a ghlanar airgiod. 11 Thug thu steach san lìon sinn; chuir thu teinn (11) air ar leasraidh. 12 Thug thu air daoinibh marcachd thar ar cinn, chaidh sinn troimh (12) theine, agus troimh uisge; ach thug thu mach sinn gu h-ionad saibhir. 13 Théid mi do d’ thigh le h-ìobairtibh-loisgte: coimhlionaidh mi dhuit mo bhòidean, 14 Leis an d’fhosgladh mo bhilean, agus a labhair mo bheul, ’nuair a bha mi ann éigin. (1) le a. (2) treubhantas. (3) luchd-àiteachaidh chrìocha na talmhainn. (4) an talmhainn. (5) arbhar dhoibh. (6) neoil. (7) Silidh cluainean. (8) air an còmhdachadh. (9) ni. (10) corruchadh. Eir. (11) teanntachd, àmhghar. (12) trìd. [TD 218] SALM LXVII. LXVIII. 15 Iobairtean-loisgte do fheudail reamhar ìobraidh mi dhuit, maille re tùis reitheacha: bheir mi suas buar, maille re gabhraibh. Selah. 16 Thigibh, éisdibh, sibhse uile air am bheil eagal Dé, agus cuiridh mi ’n céill na rinn e air son m’anama. 17 Ghlaodh mi ris le m’ bheul, agus dh’ardaicheadh e le m’ theangaidh. 18 Ma bheir mi spéis do euceart a’m’ chridhe, cha’n éisd an Tighearna rium. 19 Gu dearbh dh’éisd Dia, thug e an aire do ghuth m’ùrnuigh. 20 Beannuichte gu robh Dia, nach do thionndaidh m’ùrnuigh uaith-san, agus a thròcair uamsa! SALM LXVII. Do’n ard fhear-ciuil air Neginot. Salm no laoidh. GU deanadh Dia tròcair oirnn, agus gu beannuicheadh e sinn! agus gu d’thugadh e air a ghnùis dealrachadh oirnn! Selah. 2 Chum gu’n aithnichear do shlighe air an talamh, do shlàinte am measg nan uile chinneach. 3 Moladh na slòigh thu, a Dhé! moladh na slòigh uile thu! 4 Biodh na cinnich aoibhneach, agus deanadh iad luathghaire; oir bheir thusa breth air na slòigh an ceartas, agus riaghluidh tu na cinnich air an talamh. Selah. 5 Moladh na slòigh thu, a Dhé! moladh na slòigh uile thu! 6 Bheir an talamh a thoradh: gu beannuicheadh Dia, ar Dia-ne, sinn! 7 Gu beannuicheadh Dia sinn! agus gu robh eagal-san air uile chrìochaibh na talmhainn! SALM LXVIII. Do’n ard fhear-ciuil. Salm no laoidh le Daibhidh. EIREADH Dia! biodh a naimhdean air an sgapadh! agus teicheadh iadsan aig am bheil fuath dha, o ghnùis! 2 Mar a dh’fhuadaichear deatach, fuadaichear (1) iad: mar a leaghar céir fa chomhair an teine, sgriosar droch dhaoine am fianuis Dhé. 3 Ach biodh na fireana aoibhneach; deanadh iad gairdeachas am fianuis Dé, agus biodh iad suilbhir le luathghaire. 4 Seinnibh do Dhia, molaibh ainm; ardaichibh esan a ta marcachd air na nèamhaibh (2) le ainm Iah, agus deanaibh gairdeachas ’na fhianuis. 5 Athair nan dìlleachdan, agus breitheamh nam bantrach, is e Dia ann an ionad-còmhnuidh a naomhachd. 6 Suidhichidh Dia na daoine aonaranach ann an teaghlach (3); bheir e mach iadsan a tha ceangailte le cuibhreachaibh; ach gabhaidh na ceannaircich còmhnuidh ann an tìr thartmhoir (4). 7 A Dhé, ’nuair a chaidh thu mach roimh do shluagh, ’nuair a dh’imich thu anns an fhàsach. Selah. 8 Chriothnuich an talamh, shil mar an ceudna na nèamha; [leagh na beannta (5)] o làthair (1) fuaduich thusa. (2) trìd nam fàsach. (3) tigh. (4) thioraim. (5) Faic Breitheamhna. Caib. V. r. 5. [TD 219] SALM LXVIII. Dhé, Sinai sin féin o làthair an Tighearna Dé Israeil. 9 Shil thu nuas uisge gu pailt, a Dhé; air t’oighreachd, agus i sgìth, dh’fhurtaich thu. 10 Chòmhnuich do choimhthional (1) innte; dheasaich thu, a Dhé, do d’ mhaitheas do’n duine bhochd. 11 Chuir an Tighearn a ghuth a mach; bu lìonmhor cuideachd na muinntir a dh’fhoillsich (2) e. 12 Theich, theich righrean nan armailte; agus roinn ise a dh’fhan aig an tigh a’ chreach. 13 Ge do luidh sibh am measg choireacha (3), bithidh sibh mar sgiathaibh columain air an còmhdachadh le h-airgiod, agus ’iteagan le h-òr buidhe. 14 ’Nuair a sgaoil an t-Uile-chumhachdach righrean innte, bha i geal mar shneachda air Salmon. 15 Tha beinn Dhé mar bheinn Bhasain, ’na beinn ard mar bheinn Bhasain (4). 16 C’ar son a leumas sibh (5), a bheannta arda? is i so a’ bheinn anns am miann le Dia còmhnuidh a ghabhail, seadh, còmhnuichidh an Tighearn innte gu bràth. 17 Tha carbaid Dhé ’nam fichead mìle, le mìltibh do mhìltibh aingle: tha an Tighearna ’nam measg, mar ann an Sinai, san ionad naomha. 18 Chaidh thu suas air ionad ard, thug thu bruid (6) am braighdeanas: thug (7) thu tiodhlacan do dhaoinibh, seadh, eadhon do dhaoinibh ceannairceach, chum gu gabhadh an Tighearna Dia còmhnuidh ’nam measg. 19 Beannuichte gu robh an Tighearn, a tha gach là ’gar cumail suas (8), Dia ar slàinte! Selah. 20 Is e ar Dia-ne Dia na slàinte, agus do’n Tighearna Dia buinidh an t-slighe o’n bhàs (9). 21 Ach brisidh Dia ceann a naimhde, claigionn greannach an fhir a dh’imicheas ’na pheacaibh. 22 Thubhairt an Tighearna, Mar o Bhasan bheir mi mo shluagh air an ais; bheir mi air an ais iad mar o dhoimhneachdaibh na fairge: 23 Chum gu tumar do chos ann am fuil do naimhde, teanga do mhadradh anns an ni cheudna. 24 Chunnaic iad do thriall, a Dhé! triall mo Dhé, mo Righ, san ionad naomha! 25 Dh’imich an luchd-seinn air thoiseach, an luchd-ciuil ’nan déigh, am meadhon mhaighdean a’ bualadh thiompan (10). 26 Anns na coimhthionalaibh beannuichibh Dia, an Tighearn o thobar Israeil. 27 An sin tha Beniamin beag (11) ’na uachdaran orra, ceannardan Iudah an luchd-comhairle, ceannardan Shebuluin, ceannardan Naphtali. 28 Dh’àithn do Dhia dhuit do neart: neartaich, a Dhé, an ni so a rinn thu air ar son. 29 Air son do theampuill ann an Ierusalem, bheir righre tiodhlacadh dhuit. (1) chreutairean beo. (2) a chuir an céill. (3) phota. (4) Is beinn mhòr beinn Bhasain, beinn nan airde beinn Bhasain. (5) dh’amhairceas sibh gu h-uaibhreach. (6) braighdeanas, braighdean. (7) fhuair. (8) a dh’uallaicheas sinn gach là le thiodhlacaibh. (9) slighe a’ bhàis. (10) thabur. (11) òg. [TD 220] SALM LXIX. 30 Smachduich luchd nan sleagh (1), mòr chuideachd nan tarbh, le laoghaibh an t-sluaigh, gus an strìochd iad le mìribh airgid: sgap thusa na slòigh a ghabh tlachd do’n chogadh. 31 Thig ard uaislean as an Eiphit; sìnidh Etiopia a làmhan a mach gu luath re Dia. 32 A rìoghachda na talmhainn, seinnibh do Dhia; seinnibh moladh do’n Tighearna: Selah. 33 Dhasan a tha marcachd air nèamhaibh nan nèamh o chian! Feuch, tha e a’ cur amach a ghutha, gutha neirt. 34 Thugaibhse neart do Dhia: thar Israel tha a ghlòir, agus tha a neart anns na neulaibh. 35 Is uamhasach thusa, a Dhé, o d’ ionadaibh naomha! Is e Dia Israeil a bheir neart agus treoir d’a shluagh. Gu ma beannuichte Dia! SALM LXIX. Do’n ard fhear-ciuil air Sosanim. Le Daibhidh. TEASAIRG mi, a Dhé, oir thàinig na h-uisgeacha steach gu ruig m’anam. 2 Tha mi a’ dol fodha ann an làthaich dhomhain, gun àite gu seasamh: tha mi air teachd gu doimhneachdaibh nan uisge, agus tha’n sruth a’ dol tharum. 3 Tha mi sgìth le m’ ghlaodhaich, tha mo scornan air tiormachadh: tha mo shùilean air fàilneachadh le feitheamh air mo Dhia. 4 Is lìonmhoire na falt mo chinn iadsan aig am bheil fuath dhomh gun aobhar: tha iadsan air fàs làidir le’m b’àill mo mhilleadh, a tha ’nan naimhdibh dhomh gu h-eucorach; an ni sin nach d’ thug mi leam, an sin éigin domh aiseag. 5 Tha fios agadsa, a Dhé, air m’amaideachd; agus cha ’n’eil mo lochda folaichte ortsa. 6 Na biodh nàire orra-san air mo sgàth-sa, a dh’fheitheas ortsa, a Thighearna Dhé nan slògh: na biodh amhluadh orra-san air mo sgàth-sa, a dh’iarras tusa, a Dhé Israeil: 7 Oir air do sgàth-sa dh’fhuiling mi masladh, chòmhdaich, amhluadh mo ghnùis. 8 Is coigreach mi do m’ bhràithribh, agus coimheach do chloinn mo mhàthar: 9 Oir dh’ith eud do thighe suas mi; agus ormsa thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhuitse. 10 Agus an uair a dh’irioslaich mi m’anam le trosgadh (2), bha e ’na mhasladh dhomh. 11 Agus rinn mi mo chulaidh do shaic-eudach, agus bha mi a’m’ leth-fhocal (3) aca. 12 Tha iadsan a tha ’nan suidhe anns a’ gheatadh a’ labhairt a’m’ aghaidh, agus tha mi a’m’ òran aca-san a tha ’g òl dibhe làidir. 13 Ach air mo shonsa, tha m’ùrnuigh riutsa, a Thighearn, ann an àm taitneach: a Dhé, ann an lìonmhoireachd do thròcaire éisd rium, ann am firinn do shlàinte. 14 Saor mi o’n làthaich, agus na racham sìos: teasairgear mi uatha-san le’m fuathach mi, agus o na h-uisgibh domhain. 15 Na rachadh tuil nan uisge (1) fiadh-bheathach na cuilce. Eabh. (2) ’nuair a ghuil mi le trosgadh. (3) ghnàth-fhocal, fhocal-fochaid. [TD 221] SALM LXX. tharum, agus na sluigeadh an doimhneachd mi, agus na druideadh an slochd a bheul orm! 16 Eisd rium, a Thighearn, oir is maith do chaoimhneas gràdhach; a réir lìonmhoireachd do chaomh thròcairean pill rium (1). 17 Agus na folaich do ghnùis o d’ òglach, oir tha mi ann an airc (2); éisd rium gu grad. 18 Druid re m’anam, saor e; a bhrigh m’ eascairdean, teasairg mi. 19 Is aithne dhuit mo mhasladh, agus mo nàire, agus mo mhi-chliu: a’d’ fhianuis tha mo naimhdean uile. 20 Bhris masladh mo chridhe, agus tha mi iargunach: agus dh’amhairc mi airson neach a ghabhadh truas, ach cha robh e ann; agus airson luchd-comhfhurtachd, ach cha d’fhuair mi iad. 21 Agus thug iad dhomh, mar mo bhiadh, domblas; agus ann am ìotadh (3), thug iad dhomh fion-geur r’a òl. 22 Biodh (4) am bord fa’n comhair mar ribe, agus an soirbheas mar cheap-tuislidh dhoibh. 23 Dorchaichear an sùilean, chum nach faic iad; agus thoir air an leasraidh a ghnàth bhi air chrith. 24 Dòirt t’fhearg orra, agus glacadh do chorruich gheur iad. 25 Biodh an àite-tàimh fàs; ’nam pàilliunaibh na gabhadh neach còmhnuidh! 26 Oir gheur-lean iad an ti a bhuail thusa, agus labhair iad chum doilgheis doibhsan a lot thu (5). 27 Cuir euceart r’an euceart, agus na d’thigeadh iad a steach a’d’ fhìreantachdsa. 28 Dubh a mach iad a leabhar nam beo, agus maille ris na fireanaibh na scrìobhar iad. 29 Ach mise, a ta bochd agus brònach, togadh do shlàinte, a Dhé, an aird mi. 30 Molaidh mise ainm Dé le h-òran, agus ardaichidh mi e le breith-buidheachais. 31 Agus is fearr leis an Tighearna so na damh, na tarbh òg a ta adharcach, crobhanach (6). 32 Chi na daoine sèimh so, agus bithidh aoibhneas orra: sibhse a dh’iarras an Tighearna, bithidh bhur cridhe beo. 33 Oir éisdidh an Tighearna re bochdaibh, agus cha dean e tàir air a phriosunaich (7). 34 Moladh na nèamha agus an talamh e; na cuanta, agus gach ni a ghluaiseas annta! 35 Oir saoruidh Dia Sion, agus togaidh e bailtean Iudah; agus gabhaidh iad còmhnuidh an sin, agus mealaidh iad i. 36 Sealbhaichidh sliochd a sheirbhiseach i, agus gabhaidh iadsan a ghràdhaicheas ainmsan còmhnuidh innte. SALM LXX. Do’n ard fhear-ciuil, Salm le Daibhidh, a chur an cuimhne. A Dhé, chum mo theasairginn, a Thighearna, chum mo chuideachaidh dean deifir (8). 2 Biodh nàire agus amhluadh (1) amhairc orm. (2) teanntachd. (3) thart, phathadh. (4) Bithidh. (5) chuir iad re doilgheas nan daoine a lot thu. (6) ladharach. (7) a dhaoine ceangailte. (8) cabhag. [TD 222] SALM LXXI. orra-san a tha ’g iarraidh m’anama: pillear air an ais iad, agus mòr amhluadh gu robh orra-san a tha miannachadh uilc dhomh. 3 Gu pillear iadsan air an ais (1), mar thuarasdal d’an nàire, a their rium, Aha, aha! 4 Deanadh iadsan uile a tha ga d’ iarraidh, aoibhneas agus gairdeachas annad; agus abradh iadsan a ghnàth, le’n toigh do shlàinte, Mòr mholadh gu robh do Dhia! 5 Ach a ta mise bochd agus uireasbhuidheach; a Dhé, greas a m’ ionnsuidh: is tusa mo chabhair agus m’fhear-saoraidh; a Thighearna, na dean moille. SALM LXXI. ANNADSA, a Thighearna, cuiream mo dhòigh: nàire na biodh orm am feasd. 2 A’d’ cheartas teasairg mi, agus thoir orm dol as; aom do chluas rium, agus saor mi. 3 Bi-sa a’d’ charraig làidir (2) dhomh, chum an rachainn a ghnàth: dh’àithn thu mi bhi air mo shaoradh; oir is tu mo charraig, agus mo dhaingneach. 4 O mo Dhia, thoir fuasgladh dhomh a làimh an aingidh, a làimh an duine eucoraich agus an-iochdmhoir. 5 Oir is tusa mo dhòchas, a Thighearna Dhé, mo dhòigh o m’òige. 6 Leatsa chumadh mise suas o’n bhroinn: a h-innibh mo mhàthar bhuin thu mi: ortsa bithidh mo mholadh an còmhnuidh. 7 Mar aobhar iongantais tha mi aig mòran; ach is tusa mo thearmunn làidir. 8 Lìonar mo bheul le d’ mholadh, le d’ urram-sa gach là. 9 Na tilg uait mi an àm sean aoise; ’nuair a dh’fhàilnicheas mo neart, na tréig mi. 10 Oir labhair mo naimhdean a’m’ aghaidh; agus ghabh iadsan a tha feitheamh nam fàth air m’anam, comhairle le chéile, 11 Ag ràdh, Thréig Dia e: leanaibh e gu teann, agus glacaibh e; oir cha ’n’eil neach ann a shaoras e. 12 A Dhé, na bi-sa fad uam; O mo Dhia, greas gu m’ chabhair. 13 Biodh nàire, biodh claoidh air eascairdibh m’anama: còmhdaichear le masladh agus le mi-chliu iadsan a tha ’g iarraidh m’uilc. 14 Ach sìr-earbaidh mise, agus cuiridh mi re d’ chliu uile (3). 15 Aithrisidh mo bheul t’fhìreantachd, air feadh an latha do shlàinte; ge nach aithne (4) dhomh an àireamh. 16 Théid mi air m’aghaidh ann an neart an Tighearna Dé: ni mi sgeul air t’fhìreantachd, t’fhìreantachd féin a mhàin. 17 O Dhé, theagaisg thu mi o m’òige; agus gu ruige so chuir mi t’oibre iongantach an céill. 18 Agus a nis an uair a ta mi sean agus liath, a Dhé, na tréig mi; gus an cuir mi an céill do neart do’n àl so, do gach àl re teachd do chumhachd. 19 Agus a ta t’fhìreantachdsa, a Dhé, ro ard, O thusa a rinn (1) Aonaranach gu robh iadsan. Faic Salm XL. r. 15. (2) charraig còmhnuidh. (3) seinnidh mi do chliu ni’s mò agus ni’s mò. (4) oir cha’n aithne. [TD 223] SALM LXXII. nithe mòra: a Dhé, cò is cosmhuil riut? 20 A nochd dhomh teanntachdan mòra agus cruaidh, a bheothaicheas mi arìs, agus o dhoimhneachdaibh na talmhainn a bheir a nìos mi arìs. 21 Meudaichidh tu mo mhòrachd, agus air gach taobh bheir thu sòlas dhomh. 22 Uime sin molaidh mise thu air an t-saltair, seadh t’fhìrinn-sa (1), mo Dhia; seinnidh mi dhuit air a’ chlàrsaich, O Aoin naomha Israeil. 23 Ni mo bhilean mòr ghairdeachas an uair a sheinneas mi dhuit, agus m’anam a shaor thu. 24 Labhraidh mar an ceudna mo theanga air t’fhìreantachd air feadh an latha; oir chuireadh amhluadh, oir chuireadh nàire orra-san a tha ’g iarraidh m’aimhleis (2). SALM LXXII. Airson Sholaimh. A Dhé, thoir do bhreitheanais do’n righ, agus t’fhìreantachd do mhac an righ. 2 Bheir esan breth air do shluagh le fireantachd, agus air do bhochdaibh le ceartas. 3 Bheir na beannta sìth do’n t-sluagh, agus na tulaich (3). 4 Le ceartas bheir e breth air bochdaibh an t-sluaigh; saoraidh e clann nan ainnis, ach mìnbhrisidh e fear an fhoirneirt. 5 Bithidh t’eagal orra am feadh a mhaireas a’ ghrian agus a’ghealach (4), o linn gu linn. 6 Thig e nuas mar uisge air an fhaiche bhuainte, mar fhrasaibh a dh’uisgicheas an talamh. 7 ’Na laithibhsan soirbhichidh leis an fhìrean (5), agus bithidh pailteas sìth ann, gus nach bi a’ ghealach ann ni’s mò. 8 Agus bithidh uachdaranachd aige o fhairge gu fairge, agus o’n abhuinn gu ruig crìochaibh na talmhainn. 9 ’Na fhianuis sleuchdaidh sìos luchd-còmhnuidh an fhàsaich, agus imlichidh a naimhdean an ùir. 10 Bheir righrean Tharsis agus nan eilean tiodhlacan uatha; bheir righrean Sheba agus Shaba (6) tabhartais dha. 11 Agus sleuchdaidh na h-uile righre sìos dha; ni na cinnich uile seirbhis dha. 12 Oir saoraidh e an t-ainnis an uair a dh’éigheas e; agus an truaghan, aig nach ’eil fear-cuideachaidh. 13 Caomhnaidh e am bochd agus am feumach; agus tearnaidh e anama nam feumach. 14 O fheill agus o fhoirneart saoraidh e an anam; agus bithidh am fuil luachmhor ’na shùilibh. 15 Agus bithidh e beo, agus bheirear dha do òr Sheba: agus nìthear ùrnuigh air a shon a ghnàth; gach là beannuichear e. 16 Bithidh dorlach sìl san talamh air mullach nam beann; crathaidh mar Lebanon a thoradh; agus thig iadsan do’n bhaile fo bhlàth, mar luibh na talmhainn. 17 Bithidh ainmsan buan gu sìorruidh; comh-mhairionn ris a’ ghréin bithidh ainmsan; agus annsan beannuichear na slòigh (1) air inneal-ciuil na saltaire molaidh mise t’fhìrinn. (2) m’uilc. (3) na tulaich fireantachd. (4) maille ris a’ ghréin, agus am fianuis na gealaich. Eabh. (5) le fireantachd. (6) Seba. [TD 224] SALM LXXIII. uile, agus beannuichidh iadsan e (1). 18 Beannuichte gu robh an Tighearna Dia, Dia Israeil, an ti a mhàin a ni nithe iongantach! 19 Agus beannuichte gu robh ainm glòrmhor-san gu sìorruidh, agus lìonar an talamh uile le ghlòir! Amen, agus Amen! Chrìochnaicheadh ùrnuighean Dhaibhidh mhic Iese. SALM LXXIII. Salm le Asaph. GU deimhin tha Dia maith do Israel, dhoibhsan a tha glan ’nan cridhe. 2 Ach air mo shonsa, is beag nach d’aom mo chosa; cha mhòr nach do shleamhnuich mo cheumanna uam. 3 Oir ghabh mi tnù (2) re h-amadanaibh, re faicinn soirbheis (3) dhaoine aingidh. 4 Oir cha ’n’eil cuibhrichean ’nam bàs (4); ach a ta an neart làidir. 5 Ann an docair mar dhaoinibh eile cha ’n’eil iad; agus mar dhaoinibh eile cha ’n’eil iad air an sàruchadh. 6 Uime sin mar shlabhraidh chuairtich ardan iad; mar thruscan, chòmhdaich foirneart iad. 7 Sheas an sùil a mach (5) le saill: fhuair iad thar miann an cridhe. 8 Tha iad truaillidh, agus labhraidh iad gu h-aingidh air foirneart; gu h-ard labhraidh iad. 9 Chuir iad am beul anaghaidh nan nèamh; agus ghluais an teanga air feadh na talmhainn. 10 Air an aobhar sin pillidh a shluagh (6) an so; agus fàisgear uisgeacha cupain làin a mach dhoibh. 11 Agus their iad, Cionnus is aithne do Dhia? agus am bheil eòlas aig an Ti a’s airde? 12 Feuch, is iad sin na daoine aingidh, a tha soirbheachadh san t-saoghal; tha iad a’ carnadh suas beartais. 13 Do rìreadh gu dìomhain ghlan mi mo chridhe, agus nigh mi mo làmhan an neo-chionta: 14 Oir bhuaileadh mi air feadh an latha, agus smachdaicheadh mi gach maduinn. 15 Nan abrainn, Labhraidh mi mar so, feuch, air ginealach do chloinne dheanainn eucoir. 16 ’Nuair a smuainich mi air so a thuigsinn, bu chruaidh an gnothuch e ann am shùilibh: 17 Gus an deachaidh mi steach do naomh-ionad Dhé: an sin thuig mi an crìoch-san. 18 Gu deimhin ann an àitibh sleamhna chuir thu iad: thilg thu sìos iad gu sgrios. 19 Cionnus a thugadh iad gu sgrios, mar ann an tiota? a chuireadh as doibh gu tur le h-uamhasaibh? 20 Mar aisling ’nuair a dhùisgeas neach, a Thighearn, anns a’ bhaile (7) ni thu tarcuis (8) air an dealbh. 21 Ach bha mo chridhe goirt, agus bha goimh a’m’ airnibh. 22 Agus bha mi baoth, agus (1) bheir iad cliu dha. (2) farmad. (3) soirbheachaidh. (4) ceanglaichean orra gu’m bàs. (5) Tha an sùilean air bòrcadh. (6) mo shluagh. (7) ’nuair a mhosglas tu. (8) dìmeas. [TD 225] SALM LXXIV. aineolach; mar ainmhidh bha mi a’d’ làthair. 23 Gidheadh, tha mi ghnàth maille riut; chum thu suas mi air mo dheas làimh. 24 Le d’ choimhairle stiùraidh tu mi, agus fa dheoidh (1) gabhaidh tu mi chum glòire. 25 Cò th’agam anns na nèamhaibh ach thusa? agus an coimhmeas riut cha ’n’eil neach air thalamh air am bheil mo dhéigh. 26 Tha m’fheoil agus mo chridhe air fàilneachadh: is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhrionn gu sìorruidh. 27 Oir feuch, sgriosar iadsan a théid fad uait: ghearr thu as gach neach a chaidh le strìopachas uait. 28 Ach is maith dhomhsa teachd dlùth do Dhia: anns an Tighearna Dia chuir mi mo dhòigh, chum gu foillsichinn t’oibre uile. SALM LXXIV. Maschil, le Asaph. C’AR SON, a Dhé, a thilg thu uait sinn gu bràth? a lasas, t’fhearg re caoraich t’ionaltraidh? 2 Cuimhnich do choimhthional, a cheannuich thu o chian, a shaor thu; slat (2) t’oighreachd, beinn Shioin so anns an do ghabh thu còmhnuidh. 3 Tog do chosa chum nam fàsach sìorruidh, chum nan uile olc a rinn an nàmhaid ann ad ionad naomha. 4 Bheuc do naimhdean am measg do choimhthionail; chuir iad suas am brataichean mar chomharaibh. 5 Bha neach ainmeil mar a thogadh e a thuagh gu h-ard air coille thiugh. 6 Anis mar an ceudna bhris iad sìos ’obair ghearrta (3) le chéile le tuaghaibh agus le h-ordaibh. 7 Chuir iad re theine t’ionad naomha gu ruig an làr; thruaill iad pàilliun t’ainme-sa. 8 Thubhairt iad ’nan cridhe, Sgriosamaid iad le chéile: loisg iad uile ionada-cruinneachaidh (4) Dhé san tìr. 9 Ar comharan cha’n fhaic sinn; cha ’n’eil fàidh ann ni’s mò, agus cha ’n’eil neach ’nar measg aig am bheil fhios cia fad. 10 Cia fad, a Dhé, a bheir an t-eascaraid beum? an dean an nàmhaid tarcuis air t’ainm gu bràth? 11 C’arson a philleas tu do làmh, do dheas làmh féin air a h-ais? buin amach o d’ bhrollach i (5). 12 Oir is e Dia mo Righ o chian, ag oibreachadh slàinte am meadhon na talmhainn. 13 Sgaoil thusa an fhairge le d’ neart; bhris thu cinn nan dràgon (6) air na h-uisgeachaibh. 14 Phronn thu cinn Lebhiatain; thug thu e mar bhiadh do’n t-sluagh anns an fhàsach. 15 Sgoilt thu an tiobairt (7) agus an sruth; thiormaich thu aibhne (8) mòra. 16 Is leatsa an là, mar an ceudna is leatsa an oidhche: is tu dheasaich solus agus grian. (1) ’na dhéigh sin. (2) treubh. (3) obair shnaidhte an ionaid-naoimh, a gheatacha. (4) shionagoga, ionadan-aoraidh. (5) agus a chumas tu do dheas làmh air a h-ais ann ad bhrollach? (6) uabheist. (7) tobar. (8) aimhne. [TD 226] SALM LXXV. LXXVI. 17 Shuidhich thu uile chrìocha na talmhainn; rinn thu an samhradh agus an geamhradh. 18 Cuimhnich so: thug an t-eascaraid beum, a Thighearn, agus rinn sluagh amaideach tarcuis air t’ainm. 19 Na toir suas do’n fhiadh-bheathach (1) anam do cholumain (2): anamanna do dhaoine truagh na di-chuimhnich gu bràth. 20 Thoir an aire do’n choimhcheangal (3); oir tha àitean dorcha na tìre làn do ionadaibh-còmhnuidh an fhoirneirt. 21 Na pillear air ais le nàire an ti a shàruichear: moladh am bochd agus am feumannach t’ainm. 22 Eirich, a Dhé, tagair do chùis féin: cuimhnich mar a ta’n t-amadan a’toirt toibheim dhuit gach là. 23 Na di-chuimhnich guth do naimhdean, toirm (4) na muinntir a dh’éirich a t’aghaidh, a tha dol suas an còmhnuidh. SALM LXXV. Do’n ard fhear-ciuil, Altaschit. Salm no laoidh le Asaph. BHEIR sinn moladh (5) dhuit, a Dhé, bheir sinn moladh; oir gu bheil t’ainm am fagus (6) cuiridh t’oibre iongantach an céill. 2 ’Nuair a ghlacas mi an t-àm suidhichte (7), bheir mi breth le ceartas. 3 Sgaoileadh an tìr agus a luchd-àiteachaidh gu léir: cumaidh mise suas a puist. Selah. 4 Thubhairt mi ris na h-amadanaibh, Na bithibh amaideach; agus ris na h-aingidh, Na togaibh suas bhur n-adharc. 5 Na togaibh suas bhur n-adharc gu h-ard; na labhraibh le muineal cruaidh. 6 Oir cha’n ann o’n ear, no o’n iar, no o dheas a thig ardachadh. 7 Ach is e Dia am Breitheamh: leagaidh e sìos am fear so, agus ardaichidh e am fear sin. 8 Oir tha cupan (8) an làimh an Tighearna, agus tha am fion dearg: làn coimeisg tha e, agus dòirtidh e cuid as: ach a dheasguinean (9) fàisgidh agus òlaidh uile dhaoine aingidh na talmhainn. 9 Ach ni mise gairdeachas (10) gu bràth; seinnidh mi moladh do Dhia Iacoib. 10 Agus sgathaidh mi sìos uile adharca nan aingidh: ardaichear adharcan an fhìrein. SALM LXXVI. Do’n ard fhear-ciuil air Neginot. Salm no laoidh le Asaph. AITHNICHEAR Dia ann an Iudah; ann an Israel tha ’ainm mòr: 2 Agus ann an Salem tha a phàilliun, agus ’ionad-còmhnuidh ann an Sion. 3 An sin bhris e saighdean a’ bhogha, an sgiath, agus an claidheamh, agus an cath (11). Selah. 4 Is alloil (12) thusa, is glòrmhor thu os cionn bheann na creiche. (1) do mhòr chuideachd nan aingidh. (2) an ti a bheir aoradh dhuit. (3) do d’ choimhcheangal. (4) bruidheann. (5) buidheachas. (6) gu bheil thu am fagus. (7) an coimhthional. (8) copan. (9) dheasgaidh. (10) cuiridh mise an céill. (11) agus claidheamh a’ chòmhraig. (12) urramach. [TD 227] SALM LXXVII. 5 Chreachadh iadsan a bha misneachail an cridhe; choidil iad an codal, agus cha d’fhuair na daoine treuna gu léir an làmha. 6 Le d’achmhasan, a Dhé Iacoib, chuireadh araon am marcach agus an t-each (1) ’nan suain. 7 Is cùis eagail thusa, eadhon thusa: agus cò sheasas a’d’ làthair an uair a bhios fearg ort? 8 Thug thusa air breitheanas gu’n cualadh o nèamh e: bha eagal air an talamh, agus bha e ’na thàmh; 9 An uair a dh’éirich Dia chum breitheanais, a shaoradh uile dhaoine ciuine na talmhainn. Selah. 10 Gu cinnteach bheir fearg duine moladh dhuit: fuigheall na feirge coisgidh tu. 11 Bòidichibh, agus ìocaibh do’n Tighearna bhur Dia: thugadh iadsan uile a ta m’a thimchioll tiodhlaca dha-san a’s aobhar eagail ann! 12 Sgathaidh e sìos spiorad uachdarana: is cùis eagail e do righribh na talmhainn. SALM LXXVII. Do’n ard fhear-ciuil, do Iedutun. Salm le Asaph. LE M’ ghuth dh’éigh mi re Dia, le m’ ghuth dh’éigh mi re Dia, agus dh’éisd e rium. 2 Ann an la mo theinn dh’iarr mi an Tighearn; shìneadh mo làmh a mach (2) san oidhche gun sgur; dhiùlt m’anam sòlas a ghabhail. 3 Chuimhnich mi air Dia, agus bha mi fo bhuaireas (3); rinn mi gearan, agus chlaoidheadh mo spiorad. Selah. 4 Chum thu mo shùilean ’nam faireachadh; tha mi iargunach, agus cha’n urrainn mi labhairt. 5 Smuainich mi air na laithibh o shean, air bliadhnaibh na h-aimsir chéin. 6 Chuimhnich mi mo cheòl (4) san oidhche; rinn mi cainnt re m’ chridhe féin, agus rannsaich mo spiorad gu geur: 7 An tilg an Tighearn uaith gu bràth? agus nach nochd e a dheagh-ghean ni’s mò? 8 An do sguir a chaoimhneas am feasd? an d’fhàilnich fhocal o linn gu linn? 9 An do dhearmaid Dia a bhi gràsmhor? an do dhruid e ’na chorruich a chaomh-thròcairean? Selah. 10 An sin thubhairt mise, Is e so m’anmhuinneachd: is e caochladh deas làimhe (5) an Ti a’s airde a th’ann. 11 Cuimhnichidh mi oibre an Tighearna; gu deimhin cuimhnichidh mi t’iongantais o’n aimsir chéin. 12 Agus beachd-smuainichidh mi air t’oibribh gu léir, agus air do ghnìomharaibh labhraidh mi. 13 Tha do shlighe, a Dhé, san ionad naomha (6): cò a ta ’na Dhia mòr mar ar Dia-ne? 14 Is tusa an Dia a tha deanamh nithe iongantach: thaisbein thu am measg nan sluagh do neart. 15 Shaor thu le d’ ghairdean (1) marcaich nan each; luchd nan carbad-cogaidh agus nan each. (2) shil mo shùil, ruith mò leòn. (3) mhi-shuaimhneas. (4) mo dhàn. (5) ach cuimhnichidh mi bliadhnan deas làimhe. (6) an naomhachd. Eabh. [TD 228] SALM LXXVIII. do shluagh, mic (1) Iacoib agus Ioseiph. Selah. 16 Chunnaic na h-uisgeachan thu, a Dhé! chunnaic na h-uisgeachan thu; bha eagal orra, seadh, ghluaiseadh (2) na doimhneachda. 17 Dhòirt na neoil a nuas uisge, thug na speura fuaim; mar an ceudna chaidh do shaighdean a mach. 18 Bha guth do thairneanaich san speur; shoillsich do dhealanaich an saoghal; ghluaiseadh agus chriothnaich an talamh. 19 San fhairge bha do shlighe, agus do cheumanna anns na h-uisgibh mòra; agus cha d’aithnicheadh luirg do chos. 20 Threòraich thu mar threud do shluagh, le làimh Mhaois agus Aaroin. SALM LXXVIII. Maschil le Asaph. EISDIBH, O mo shluagh, re m’ reachd, aomaibh bhur cluas chum bhriathar mo bhéil. 2 Fosgailidh mi mo bheul ann an cosamhlachd; cuiridh mi sean-fhocail dhorcha (3) an céill: 3 A chuala sinn, agus a b’aithne dhuinn, agus a dh’innis ar n-aithriche dhuinn. 4 Cha cheil sinn air an cloinn iad, a’ foillseachadh cliu an Tighearna do’n àl a ta re teachd, agus a neart, agus ’oibre iongantach a rinn e: 5 Oir chuir e suas teisteas (4) ann an Iacob, agus shuidhich e lagh ann an Israel, a dh’àithn e d’ar n-aithrichibh gu’n deanadh iad aithnichte d’an cloinn; 6 Chum gu’m biodh fios aig an àl re teachd orra, gu’n éireadh a’ chlann a bheirteadh, agus gu’n cuireadh iad an céill iad d’an cloinn féin; 7 Agus gu’n cuireadh iad an dòchas ann an Dia, agus nach di-chuimhnicheadh iad oibre Dhé, ach gu’n gleidheadh iad ’àitheanta (5); 8 Agus nach bitheadh iad mar an aithriche, ’nan ginealach reasgach (6) agus ceannairceach, ginealach nach do shuidhich an cridhe gu ceart, agus aig nach robh an spiorad tairis do Dhia. 9 Ge do bha clann Ephraim fo’n armaibh, agus ge do thilgeadh iad le bogha, phill iad air an ais ann an latha catha. 10 Cha do ghléidh iad coimhcheangal Dhé, agus dhiùlt iad imeachd ’na reachd. 11 Agus dhi-chuimhnich iad ’oibre, agus ’iongantais a nochd e dhoibh. 12 An làthair an aithriche rinn e nithe iongantach, ann an tìr na h-Eiphit, ann am machair Shoain. 13 Sgoilt e an fhairge, agus thug e iadsan thairis; agus thug e air na h-uisgeachaibh seasamh mar thorr. 14 Agus stiuir e iad le neul san latha, agus air feadh na h-oidhche le solus teine. 15 Sgoilt e na creagan san fhàsach, agus thug e deoch dhoibh, mar a doimhneachdaibh mòra. 16 Agus thug e srutha a mach, as a’ charraig, agus thug e air uisgibh ruith sìos mar aibhnibh. 17 Gidheadh pheacaich iad (1) clann, sliochd. (2) chriothnuich. (3) sgeula o’n t-sean aimsir. (4) fianuis. (5) a àitheantan. (6) eas-caoin, fiar, eas-umhal. [TD 229] SALM LXXVIII. fathast ni’s mò ’na aghaidh, a’ brosnachadh an Ti as airde san fhàsach. 18 Agus bhuair iad (1) Dia ’nan cridhe, ag iarraidh bìdh d’am miann. 19 Seadh, labhair iad an aghaidh Dhé; thubhairt iad, An urrainn Dia bord a dheasachadh san fhàsach? 20 Feuch, bhuail e a’ chreag, agus bhrùchd uisgeacha mach, agus dh’éirich na tuilte: an urrainn e mar an ceudna aran a thabhairt? an deasaich e feoil d’a shluagh? 21 Uime sin chual an Tighearn, agus bha corruich air; agus las teine an aghaidh Iacoib, agus mar an ceudna dh’éirich fearg an aghaidh Israeil: 22 A chionn nach do chreid iad ann an Dia, agus nach d’earb iad as a shlàinte; 23 Ge d’ a dh’àithn e do na neulaibh o’n airde, agus ge d’ a dh’fhosgail e dorsa nan nèamh; 24 Agus ge do fhras e nuas mana orra r’a itheadh, agus ge do thug e dhoibh coirc nan nèamh. 25 Dh’ith daoine biadh nan aingeal: thug e dhoibh an sàth do lòn. 26 Thug e air gaoith an ear imeachd sna nèamhaibh, agus le a neart thug e stigh a’ ghaoth a deas. 27 Agus fhras e nuas feoil orra mar dhuslach (2), agus eunlaith iteagach (3) mar ghaineamh na fairge. 28 Agus thug e orra tuiteam am meadhon an campa, mu thimchioll an àitean-còmhnuidh. 29 Agus dh’ith iad, agus làn-shàsuicheadh iad; oir thug e dhoibh am miann féin. 30 Cha robh iad air an sgarachduinn o am miann: fathast bha am biadh ’nam beul. 31 Ansin thàinig fearg Dhé orra, agus mharbh e iadsan bu shultmhoire (4) dhiubh, agus leag e sìos daoine taghta Israeil. 32 An déigh so gu léir pheacaich iad fathast, agus cha do chreid iad air son oibre iongantach-san. 33 Uime sin chaith e an laithean ann an dìomhanas, agus am bliadhnacha ann an uamhas (5). 34 ’Nuair a mharbh e iad, ansin dh’iarr iad e, agus phill iad, agus bha iad gu moch ag iarraidh Dhé (6); 35 Agus chuimhnich iad gu’m b’e Dia an carraig, agus an Dia a’s airde am fear-saoraidh. 36 Ach rinn iad miodal ris le’m beul, agus rinn iad breug dha le’n teangaidh: 37 Oir cha robh an cridhe ceart maile ris, agus cha robh iad dìleas ’na choimhcheangal. 38 Gidheadh gu h-iochdmhor mhaith esan an lochd, agus cha do sgrios e iad; seadh, iomadh uair thionndaidh e fhearg uaith, agus cha do dhùisg e a chorruich uile; 39 Oir chuimhnich e nach robh annta ach feoil; osag gaoithe a shiubhlas, agus nach pill a rìs. (1) dhearbh, dh’fheuch, chuir iad cathachadh air. (2) luaithre. (3) sgiathanach. (4) a b’fhearr, bu làidire. (5) carroid, cabhaig. (6) a’ teachd gu moch a dh’ionnsuidh Dhé. (7) Laingean, seasmhach. [TD 230] SALM LXXVIII. 40 Cia tric a bhrosnuich iad e anns an fhàsach, a chuir iad campar air anns an ionad uaigneach? 41 Seadh, phill iad air an ais, agus bhuair (1) iad Dia, agus chuir iad tomhas air Aon naomha Israeil. 42 Cha do chuimhnich iad a làmh, no’n là air an do shaor e iad o’n nàmhaid (2); 43 Mar a nochd e a chomharan anns an Eiphit, agus ’oibre iongantach ann am machair Shoain; 44 Agus a thionndaidh e an uisgeacha gu fuil, agus an srutha, air chor as nach feudta òl diubh; 45 A chuir e ’nam measg iomadh gné chuileag (3), a dh’ìth suas iad, agus losgainn a sgrios iad; 46 A thug e an toradh do’n bhurrus (4), agus an saothair do’n locust; 47 A mhill e an croinn-fhìona le cloich-mheallain, agus an croinn-fhìge (5) le reodhadh; 48 Agus a thug e thairis am feudail (6) do’n chloich-mheallain, agus an treuda do’n tein-athair; 49 A thilg e orra teas fheirge, boile (7), agus corruich, agus teinn, le aingil olc a chur ’nam measg; 50 A rinn e slighe d’a fheirg, nach do chaomhain e an anam o’n bhàs, ach a thug e thairis am beatha do’n phlàigh; 51 Agus a bhuail e gach ceud-ghin san Eiphit, toiseach an neirt ann am pàilliunaibh Ham; 52 Ach a thug e mach mar chaoraich a shluagh féin, agus a threòraich e iad mar threud anns an fhàsach; 53 Agus a stiuir e iad gu tèaruinte, air chor as nach robh eagal orra, ach a chòmhdaich an fhairge an naimhdean; 54 Agus a thug e iad gu crìch ionaid naomha-san, do’n t-sliabh so a choisinn a dheas làmh; 55 Agus a thilg e mach na cinnich rompa, agus a roinn e oighreachd dhoibh (8) le crannchur, agus a thug e air treubhaibh Israeil còmhnuidh a ghabhail ’nam pàilliunaibh-san. 56 Gidheadh bhuair agus bhrosnuich iad an Dia a’s airde, agus cha do gléidh iad a theisteis. 57 Ach phill iad, agus ghluais iad gu fealltach, mar an aithriche; chaidh iad a thaoibh, mar bhogha fiar (9); 58 Agus bhrosnuich iad e le’n ionadaibh arda, agus le’n dealbhaibh gearrta dhùisg iad e gu h-eud. 59 Chuala Dia, agus bha fearg air, agus ghabh e gràin mhòr do Israel. 60 Agus thréig e pàilliun Shilo, am bùth (10) a shuidhich e am measg dhaoine. 61 Agus thug e suas a neart gu braighdeanas, agus a ghlòir do làimh an nàmhaid. 62 Agus thug e thairis a shluagh do’n chlaidheamh, agus ghabh e fearg r’a oighreachd. 63 Loisg an teine an òigridh, agus cha d’fhuair an òighean pòsadh (11). (1) bhrosnuich. (2) o theinn. (3) chonachuileag. (4) caterpiller. Sasg. hasil. Eabh. (5) sicomoir. (6) an crodh, an ainmhidhean. (7) buile. (8) a roinn e am fearann dhoibh. (9) claon, mealltach. cealgach. (10) am pubull, an t-ionad-còmhnuidh. (11) cha do mholadh an òighean. [TD 231] SALM LXXIX. 64 Thuit an sagairt leis a’ chlaidheamh, agus cha d’rinn am bantraich bròn. 65 An sin mhosgail an Tighearna mar neach a bha ’na chodal, mar churaidh a ni iolach an déigh dha fion òl. 66 Agus bhuail e a naimhdean ’nan deireadh; thug e masladh bith-bhuan dhoibh. 67 Agus dhiùlt e pàilliun Ioseiph, agus cha do thagh e treubh Ephraim. 68 Ach thagh e treubh Iudah, sliabh Shioin a ghràdhaich e. 69 Agus thog e ’ionad (1) naomha féin mar lùchairt ard, mar an talamh (2) a shuidhich e gu bràth. 70 Agus thagh e Daibhidh ’òglach, agus thug se e o chrò nan caorach. 71 O bhi ’n déigh nan caorach a bha trom le h-àl, thug se e a bheathachadh Iacoib a shluaigh, agus Israeil ’oighreachd. 72 Agus bheathaich e iad a réir ionracais a chridhe; agus le seòltachd a làmh stiuir e iad. SALM LXXIX. Salm le Asaph. A Dhé, thàinig na cinnich a steach do d’ oighreachd; thruaill iad do theampull naomha; dh’fhàg iad Ierusalem ’na carnaibh. 2 Thug iad cuirp do sheirbhiseach mar bhiadh do eunlaith nan speur, feoil do naomh do fhiadh bheathaichibh na talmhainn. 3 Dhòirt iad am fuil mar uisge timchioll Ierusaleim, agus cha robh neach gu’n adhlacadh. 4 Tha sinn ’nar masladh d’ar coimhearsnachaibh, ’nar n-aobhar fanoid agus magaidh dhoibhsan a tha mu’n cuairt oirnn. 5 Cia fhad, a Thighearn, a bhios fearg ort? gu bràth an las t’eud, mar theine? 6 Dòirt do chorruich air na cinnich aig nach ’eil eòlas ort, agus air na rìoghachdaibh nach gairm air t’ainm. 7 Oir chuir iad as do (3) Iacob, agus rinn iad ’àite-còmhnuidh ’na fhàsach. 8 Na cuimhnich thusa ’nar n-aghaidh ar n-eucearta roimhe so (4): gu luath gabhadh do thròcairean romhainn; oir thugadh gu ro-ìosal sinn. 9 Cuidich leinn, a Dhé ar slàinte, air sgàth glòire t’ainme; agus teasairg sinn, agus glan ar peacaidh uainn airson t’ainme féin. 10 C’ar son a theireadh na cinnich, C’àit am bheil an Dia? aithnichear am measg nan cinneach fa chomhair ar sùl dìoghaltas fola (5) do sheirbhiseach, a dhòirteadh! 11 Thigeadh osnaich a’ phriosunaich a’d’ làthair, a réir meud do neirt (6): saor thusa iadsan a dh’òrduicheadh chum bàis (7). 12 Agus dìol d’ar coimhearsnachaibh a sheachd uiread ’nam brollach, am masladh leis an do mhasluich iad thusa, a Thighearna. 13 Agus molaidh sinne do (1) a ionad. (2) ann an ionad ard, air an talamh. (3) dh’ith iad suas, mhill iad. (4) ar seann pheacanna. (5) aithnichear esan am measg nan cinneach ’nar sealladh féin le dìoghaltas a ghabhail air fuil. (6) do ghairdein. Eabh. (7) mic a’ bhàis. [TD 232] SALM LXXX. LXXXI. shluagh, agus caoraich t’ionaltraidh, thusa gu bràth: o linn gu linn cuiridh sinn an céill do chliu. SALM LXXX. Do’n ard fhear-ciuil air Sosanim Edut. Salm le Asaph. O AODHAIRE (1) Israeil, éisd, thusa a stiuireas Ioseph mar threud, thusa a tha d’ chòmhnuidh eadar na cheruban, dealraich a mach. 2 An làthair Ephraim, agus Bheniamin, agus Mhanaseh, dùisg do chumhachd, agus thig gu’r saoradh. 3 Pill sinn, a Dhé; agus thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn. 4 A Thighearna Dhé nan slògh, cia fhad a bhios fearg ort re ùrnuigh do shluaigh? 5 Thug thu dhoibh aran nan deur r’a itheadh, agus thug thu dhoibh deoir r’an òl am pailteas. 6 Rinn thu sinn ’nar n-aobhar stri d’ar coimhearsnachaibh; agus ni ar n-eascairdean gàire-fanoid umainn (2). 7 A Dhé nan slògh, pill sinn; agus thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn. 8 Thug thu fionain (3) as an Eiphit; thilg thu mach na cinnich, agus shuidhich thu i. 9 Réitich thu àite fa comhair, agus thug thu oirre freumhachadh gu daingean, agus lìon i an tìr. 10 Chòmhdaicheadh (4) beannta le a sgàile, agus le a geugaibh seudair arda (5). 11 Chuir i mach a meoir gu ruig a’ mhuir, agus a meanglain (6) gu ruig an abhuinn. 12 C’ar son a bhris thu sìos a ballacha-dìonaidh (7), air chor as gu bheil uile luchd-gabhail na slighe ’ga spìonadh? 13 Tha an torc as a’ choille ’ga fasachadh, agus tha fiadh-bheathach na macharach ’ga h-itheadh suas. 14 A Dhé nan slògh, pill, guidheamaid ort; amhairc a nuas o nèamh, agus faic, agus fiosraich an fhìonain so; 15 Agus am fion-lios a shuidhich do dheas-làmh, agus am meanglan a neartuich thu dhuit féin (8). 16 Loisgeadh i le teine, ghearradh sìos i: le achmhasan do ghnùise sgriosar iad. 17 Biodh do làmh air fear do laimhe deise, air mac an duine a neartaich thu dhuit féin. 18 Ansin cha phill sinn air ar n-ais uait: beothaich sinn, agus gairmidh sinn air t’ainm. 19 A Thighearna Dhé nan slògh, pill sinn, thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn. SALM LXXXI. Do’n ard fhear-ciuil air Gitit. Salm le Asaph. SEINNIBH gu h-ait do Dhia, ar neart; togaibh iolach do Dhia Iacoib. (1) bhuachaille. (2) leo féin. (3) fineamhuin, crann-fiona. (4) Chòmhdaich. (5) bha a geugan mar sheudair arda. (6) geugan. (7) a callaidean. (8) Agus daingnich an ni a shuidhich do dheas làmh; [eadhon air son mic an duine, a neartaich thu dhuit féin.] [TD 233] SALM LXXXII. 2 Glacaibh salm, agus thugaibh tiompan leibh; a’ chlàrsach bhinn maille ris an t-saltair. 3 Anns a’ ghealaich nuaidh (1) séidibh an trompaid, anns an àm shuidhichte, air latha ar féille. 4 Oir bu reachd so do Israel, riaghailt le Dia Iacoib. 5 Mar fhianuis shuidhich se e ann an Ioseph, an uair a thàinig e mach a tìr na h-Eiphit, far an cual e cainnt nach do thuig e (2). 6 O’n eallaich thug mi as a ghuala: o na potaìbh (3) shaoradh a làmhan. 7 Ann an teinn ghairm thu, agus shaor mi thu; fhreagair mi thu ann an ionad dìomhair na tairneanaich: dhearbh mi thu làimh re uisgibh Mheribah. Selah. 8 Eisd, O mo shluagh, agus bheir mi fianuis dhuit; O Israel, ma dh’éisdeas tu rium; 9 Cha bhi dia coigreach annad (4), agus cha chrom thu sìos do dhia coimheach. 10 Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a nìos thu a tìr na h-Eiphit: fosgail do bheul gu farsuing, agus lìonaidh mise e. 11 Gidheadh cha d’éisd mo shluagh rem’ ghuth, agus cha do ghabh Israel rium. 12 Uime sin thug mi thairis iad do anamhiann an cridhe féin: dh’imich iad ’nan comhairle féin. 13 O nach éisdeadh mo shluagh rium! nach imicheadh Israel a’m’ shlighibh! 14 Gu luath leagainn sìos an eascairdean, agus thionndaidhinn mo làmh an aghaidh an naimhdean. 15 Bheireadh luchd-fuath an Tighearna ùmhlachd dha: ach mhaireadh an aimsir-san gu bràth. 16 Agus bheathaicheadh e iad le smior a’ chruineachd: agus le mil o’n charraig fhàsuichinn thu (5). SALM LXXXII. Salm le Asaph. THA Dia ’na sheasamh ann an coimhthional nan cumhachdach (6): am measg nan dé bheir e breth. 2 Cia fhad a bheir sibh breth gu h-eucorah, agus a ghabhas sibh re gnùis (7) dhaoine aingidh? Selah. 3 Deanaibh ceartas do’n bhochd agus do’n dìlleachdan; cumaibh còir ris an truaghan (8) agus ris an fheumach. 4 Teasairgibh am bochd agus an t-ainnis; as làimh nan aingidh saoraibh iad. 5 Cha ’n’eil eòlas no tuigse aca; ann an dorchadas gluaisidh iad: tha uile bhunaitean na talmhainn air chrith (9). 6 Thubhairt mi, Is dée sibh, agus is mic sibh uile do’n Ti a’s airde. 7 Ach gheibh sibh bàs mar dhaoine, agus tuitidh sibh mar aon do na h-uachdaranaibh. (1) nomha. (2) chuala mi teanga nach do thuig mi. (3) o shoithichibh-giùlain na creadha. (4) agad. (5) shàsuicheadh e iad. (6) san ard choimh-thional. (7) pearsa. (8) an duine chràite. (9) air an corruchadh. [TD 234] SALM LXXXIII. LXXXIV. 8 Eirich, a Dhé, thoir breth air an talamh; oir sealbhaichidh tu na h-uile chinnich mar oighreachd. SALM LXXXIII. Laoidh no Salm le Asaph. A Dhé, na bi a’d’ thosd; na bi sàmhach, agus na bi a’d’ thàmh, a Dhé: 2 Oir feuch, tha do naimhdean re buaireas; agus thog iadsan le’m fuathach thu, suas an cinn. 3 An aghaidh do shluaigh gu cuilbheartach dhealbh iad olc (1), agus ghabh iad comhairle le chéile an aghaidh do mhuinntir dhìomhair. 4 Thubhairt iad, Thigibh, agus gearramaid as iad o bhi ’nan cinneach, chum nach cuimhnichear ainm Israeil ni’s mò: 5 Oir le h-aon inntinn ghabh iad comhairle le chéile, a’t’aghaidh-sa rinn iad coimhcheangal. 6 Pàilliuna Edoim agus na h-Ismaelich, Moab agus na Hagaraich, 7 Gebal, agus Amon, agus Amalec, na Philistich maille re luchd-àiteachaidh Thìor (2). 8 Mar an ceudna dhlùth-lean Asur riu: bu chòmhnadh iad do chloinn Lot. Selah. 9 Dean orra mar air Midian, mar air Sisera, mar air Iabin, aig sruth Chisoin; 10 A sgriosadh aig Endor, a rinneadh mar aolach do’n talamh. 11 Dean an ard uaislean (3) mar Oreb, agus mar Sheeb, agus an uachdarain gu léir mar Sheba, agus mar Shalmuna; 12 A thubhairt, Glacamaid dhuinn féin mar oighreachd àiteacha-còmhnuidh Dhé. 13 O mo Dhia, dean iad mar roth (4), mar asbhuain roimh’n ghaoith. 14 Mar a loisgeas teine a’ choille, agus mar a chuireas lasair na beannta re theine; 15 Mar sin dean thusa tòrachd orra led’ dhoininn, agus le d’ ioma-ghaoith cuir uamhann orra. 16 Lìon an eudan le masladh, chum gu’n iarr iad t’ainm, a Thighearn. 17 Biodh amhluadh agus buaireas orra gu bràth; seadh, glacadh nàire iad agus sgriosar iad: 18 Chum gu’m bi fhios aig daoinibh gur tusa mhàin, d’an ainm Iehobhah, an Ti a’s airde os cionn na talmhainn uile. SALM LXXXIV. Do’n ard fhear-ciuil air Gitit. Salm air son mhac Chorah. CIA so-ghràdhach do phàilliuna, a Thighearna nan slògh! 2 Tha m’anam a’ miannachadh, seadh, eadhon a’ fannachadh (5) le déigh air cùirtibh an Tighearna: tha mo chridhe agus m’fheoil ag éigheach gu h-ard airson an Dé bheo. 3 Fhuair eadhon an gealbhonn tigh, agus an gobhlan-gaoithe nead dh’i féin, anns an cuireadh i a h-àlach; t’altairean- (1) ghabh iad comhairle chuilbheartach. (2) Thiruis. (3) iad féin agus an ard uaislean. (4) mar mholl air iomain mu’n cuairt. (5) a’laguchadh, air a chlaoidh, meata. [TD 235] SALM LXXXV. sa (1), a Thighearna nan slògh, mo Dhia, agus mo Righ. 4 Is beannuichte iadsan a tha ’nan còmhnuidh a’d’ thigh-sa: molaidh iad thu a ghnàth. Selah. 5 Is beannuichte an duine sin aig am bheil a neart annadsa, agus iadsan aig am bheil do shlighean (2) ’nan cridhe. 6 A’ dol trìd ghlinn Baca (3), ni iad sin tobar (4) ann: lìonaidh mar an ceudna an t-uisge na linnte. 7 Imichidh iad o neart gu neart; nochdar gach aon diubh an làthair Dhé ann an Sion. 8 A Thighearna Dhé nan slògh, cluinn m’ùrnuigh; éisd, a Dhé Iacoib. Selah. 9 A Dhé, ar sgiath, faic, agus amhairc air gnùis t’Aoin ungta: 10 Oir is fearr là a’d’ chùirtibh na mìle: b’fhearr leam a bhi re dorsaireachd ann an tigh mo Dhé, na bhi’m chòmhnuidh ann am pàilliunaibh aingidheachd: 11 Oir is grian agus is sgiath an Tighearna Dia, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chum e maith air bith uatha-san a ghluaiseas gu h-ionraic. 12 A Thighearna nan slògh, is beannuichte an duine a chuireas a dhòigh annadsa. SALM LXXXV. Do’n ard fhear-ciuil. Salm air son mhac Chorah. BHA thusa bàigheil, a Thighearna, re d’ thìr: thug thu air ais braighdeanas (5) Iacoib. 2 Mhaith thu (6) cionta do shluaigh; dh’fholuich thu am peacadh uile. Selah. 3 Choisg thu do chorruich uile; thionndaidh thu o fhraoch t’fheirge. 4 Pill sinn, a Dhé ar slàinte, agus tog t’fhearg dhinn. 5 Gu bràth am bi corruich ort ruinn? an sìn thu t’fhearg o linn gu linn? 6 Nach ath-bheothaich thu sinn? chum gu dean do shluagh gairdeachas annad. 7 Nochd dhuinn, a Thighearna, do thròcair, agus deònuich dhuinn do shlàinte. 8 Cluinnidh mi ciod a their Dia an Tighearna: oir labhraidh e sìth r’a shluagh, agus r’a naomhaibh; ach na pilleadh iad chum amaideachd. 9 Gu dearbh tha a shlàinte dlùth dhoibhsan d’an eagal e; chum gu’n còmhnuich glòir ’nar tìr. 10 Tha tròcair agus firinn air còmhlachadh (7) a chéile: tha ceartas agus sìth air pògadh a chéile. 11 Fàsaidh firinn a nìos as an talamh, agus seallaidh ceartas a nuas o na nèamhaibh. 12 Seadh, bheir an Tighearna maith dhuinn, agus bheir ar fearann uaith a thoradh (8). 13 Imichidh ceartas (9) roimhe, agus stiùraidh e a cheumanna san t-slighe (10). (1) làimh re t’altairibh-sa. (2) Is beannuichte an sluagh sin aig am bheil an neart annadsa, aig am bheil do shlighean. (3) ghlinn nan deur, ghlinn a’ bhròin. (4) òlaidh iad do thobar. (5) braighdean. (6) thug thu air falbh. (7) coinneachadh. (8) fhàs. (9) am firean. (10) stiùraidh e sinn air slighe a cheumanna. [TD 236] SALM LXXXVI. LXXXVII. SALM LXXXVI. Urnuigh le Daibhidh. AOM, a Thighearna, do chluas, éisd rium; oir tha mi bochd agus uireasbhuidheach. 2 Gléidh m’anam, oir a ta mi diadhaidh (1): O thusa mo Dhia, saor t’òglach, a dh’earbas asad. 3 Dean tròcair orm, a Thighearna; oir tha mi a’ glaodhaich riut gach là (2). 4 Dean anam t’òglaich féin aoibhinn; oir riutsa, a Thighearna, togaidh mi m’anam: 5 Oir a ta thusa, a Thighearna, maith agus iochdmhor, agus pailt ann an tròcair dhoibhsan uile a ghairmeas ort. 6 Eisd, a Thighearna, re m’ùrnuigh, agus thoir fa’near guth m’athchuinge. 7 Ann an latha ma theinn gairmidh mi ort; oir freagraidh tu mi. 8 Cha ’n’eil do shamhuil-sa am measg nan dé, a Thighearna; agus cha ’n’eil oibre ann, cosmhuil re t’oibribh-sa. 9 Thig na cinnich uile a rinn thu, agus sleuchdaidh iad a’d’ làthair, a Thighearn, agus bheir iad glòir do t’ainm. 10 Oir is mòr thusa, agus tha thu deanamh nithe iongantach; is tusa Dia, thu féin a mhàin. 11 Teagaisg dhomh, a Thighearna, do shlighe; gluaisidh mi a’ t’fhìrinn: coimhcheangail mo chridhe (3), chum eagal t’ainme bhi orm. 12 Molaidh mi thu, a Thighearna mo Dhia, le m’uile chridhe, agus bheìr mi glòir (4) do t’ainm gu bràth: 13 Oir is mòr do thròcair ormsa, agus shaor thu m’anam o’n t-slochd (5) a’s ìochdaraiche. 14 A Dhé, dh’éirich na h-uaibhrich a’m’ aghaidh, agus dh’iarr coimhthional luchd-foirneirt m’anam; agus cha do chuir iad thusa rompa. 15 Ach a ta thusa, a Thighearn, a’d’ Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall chum feirge, agus pailt ann an tròcair agus am firinn. 16 Amhairc orm (6), agus dean tròcair orm; thoir neart (7) do t’òglach, agus saor mac do bhanoglaich. 17 Thoir dhomh comhara air mhaith, chum gu faic iadsan e aig am bheil fuath dhomh, agus gu’n gabh iad nàire, a chionn, a Thighearna, gu’n do chuidich thusa leam, agus gu’n d’thug thu comhfhurtachd dhomh. SALM LXXXVII. Salm no laoidh airson mhac Chorah. THA a bhunait anns na beanntaibh naomha. 2 Is ionmhuinn leis an Tighearna geatacha Shioin, thar uile ionada-còmhnuidh Iacoib. 3 Innsear nithe glòrmhor ortsa, a chathair (8) Dhé. Selah. 4 Cuimhnichidh mi Rahab agus Babel dhoibhsan d’an aithne mi: feuch, Palestin, agus Tìor, maille re h-Etiopia; rugadh am fear so ansin. (1) oir a ta mi naomha, oir a ta thusa maith. (2) rè an latha. (3) aonaich, druid mo chridhe riut. (4) urram. (5) o ifrinn, o’n uaigh. (6) Pill rium. (7) do neart. (8) a mhòr bhaile. [TD 237] SALM LXXXVIII. LXXXIX. 5 Ach mu Shion theirear, Rugadh am fear so agus am fear ud innte, agus daingnichidh an Ti a’s airde i. 6 Comharaichidh an Tighearna (1), ’nuair a scrìobhas e sìos na fineacha, gu’n d’rugadh am fear so an sud. Selah. 7 Bithidh araon luchd-seinn agus luchd-ciuil an sin: tha mo thobair uile annadsa. SALM LXXXVIII. Laoidh no salm airson mhac Chorah, do’n ard fhear-ciuil air Mahalat Leanot, Maschil le Heman an t-Esrahach. A THIGHEARN, a Dhé mo shlàinte, a là agus a dh’oidhche ghlaodh mi a’t’ fhianuis. 2 Thigeadh m’ùrnuigh a’d’ làthair; aom do chluas re m’ ghlaodh: 3 Oir tha m’anam làn truaighe (2), agus tha mo bheatha dlùth do’n uaigh. 4 Mheasadh mi mar iadsan a théid sìos do’n t-slochd; tha mi mar dhuine gun neart; 5 Saor am measg nam marbh, mar iadsan a mharbhadh, a ta ’nan luidhe san uaigh, air nach ’eil cuimhne agad ni’s mò; oir o d’ làimh (3) ghearradh as iad. 6 Chuir thu mi san t-slochd a’s ìsle ann an dorchadas, anns na doimhneachdaibh (4). 7 Luidh t’fhearg orm gu teann, agus le d’ thonnaibh uile chlaoidh thu mi. Selah. 8 Chuir thu mo luchd-eòlais fad uam; rinn thu mi a’m’ ghràineileachd dhoibh: druidte suas tha mi, agus cha’n urrainn mi teachd a mach. 9 Tha mo shùil a’ fàilneachadh (5) a bhrìgh m’àmhghair; ghairm mi ort, a Thighearna, gach là; shìn mi mo làmhan riut. 10 Do na marbhaibh an nochd thu iongantais? an éirich na mairbh, agus am mol iad thu? Selah. 11 An cuirear an céill do chaoimhneas caomh san uaigh? t’fhìrinn ann an sgrios? 12 An aithnichear t’iongantais anns an dorchadas? agus t’fhìreantachd ann an talamh na dì-chuimhne? 13 Ach riutsa, a Thighearna, ghlaodh mise; agus anns a’ mhaduinn thig m’ùrnuigh a’d’ làthair. 14 C’arson, a Thighearn, a thilgeas tu m’anam uait? a dh’fholaicheas tu do ghnùis uam? 15 Tha mise air mo chràdh, agus dlùth do’n bhàs, o m’òige; dh’fhuiling mi t’uamhasan, tha mi an imcheist. 16 Dh’imich t’fhearg gheur tharum; chlaoidh t’uamhasa mi. 17 Chaidh iad timchioll orm mar uisge gach là; chuairtich iad mi le chéile. 18 Chuir thu fear mo ghaoil agus mo charaid fad uam; tha luchd m’eòlais ann an dorchadas. SALM LXXXIX. Maschil (6) le h-Etan an t-Esrahach. AIR tròcairibh an Tighearna gu bràth seinnidh mi; o linn gu linn foillsichidh mi t’fhìrinn le m’ bheul: (1) Airmhidh an Tighearna. (2) do olcaibh. Eabh. (3) le d’ laimh. (4) ann an sgàile a’ bhàis. (5) re bròn. (6) Teagasg. [TD 238] SALM LXXXIX. 2 Oir thubhairt mi (1), Gu bràth togar suas tròcair: anns na nèamhaibh daingnichidh tu t’fhìrinn, ag ràdh, 3 Rinn mi coimhcheangal re m’Aon taghta; mhionnuich mi do Dhaibhidh, m’òglach. 4 Gu bràth daingnichidh mi do shliochd, agus togaidh mi suas do righ-chaithir o linn gu linn. Selah. 5 Molaidh na nèamha t’iongantais, a Thighearna; mar an ceudna t’fhìrinn ann an coimhthional nan naomh. 6 Oir cò ann am flaitheanas (2) a choimhmeasar ris an Tighearna? cò am measg mhac nan cumhachdach a shamhluichear ris an Tighearna? 7 Is aobhar eagail Dia gu mòr ann an coimthional nan naomh; agus is còir urram a thabhairt da os an cionn-san uile a tha mu’n cuairt da. 8 A Thighearna Dhé nan slògh, cò ata cosmhuil riut? treun a ta thu, a Thighearna, agus tha t’fhìrinn mu’n cuairt duit. 9 Riaghlaidh tusa onfha (3) na fairge: ’nuair a dh’éireas a tonnan, coisgidh tu iad. 10 Mhìn-phronn thu Rahab, mar dhuine leònta (4); le gairdean do neirt sgap thu do naimhdean. 11 Is leatsa na nèamha, mar an ceudna is leat an talamh; shuidhich thusa an cruinne-cé, agus a làn. 12 Chruthaich thusa an airde tuath, agus an airde deas; ni Tabor agus Hermon gairdeachas ann ad ainm. 13 Agadsa tha gairdean neartmhor; is làidir do làmh, is ard do dheas làmh. 14 Is iad ceartas agus breitheanas àite-tàimh do righ-chaithreach; théid tròcair agus firinn roimh do ghnùis. 15 Is beannuichte an sluagh d’an aithne an fhuaim aoibhneach: imichidh iad, a Thighearn, ann an solus do ghnùise. 16 Ann ad ainm-sa ni iad gairdeachas air feadh an là; agus ann ad fhìreantachd ardaichear iad. 17 Oir is tusa glòir an neirt; agus ann ad dheadh-ghean ardaichear (5) ar n-adharc. 18 Oir is e’n Tighearn ar sgiath (6), agus Aon naomha Israeil ar Righ. 19 An sin labhair thu ann an taisbeanadh (7) re d’ Aon naomha (8), agus thubhairt thu, Chuir mise cuideachadh, air aon a ta cumhachdach, dh’ardaich mi aon taghta as an t-sluagh. 20 Fhuair mi Daibhidh m’òglach; le m’ola naomh dh’ung mi e: 21 Le’m bi mo làmh gu daingean: mar an ceudna neartaichidh mo ghairdean e. 22 Cha tog an nàmhaid cìs dheth (9); agus cha chlaoidh mac an uilc e. 23 Agus pronnaidh (10) mi a naimhdean roimhe, agus buailidh mi iadsan le’m fuathach e. 24 Agus bithidh m’fhìrinn (1) thu. (2) anns na speuraibh, sna neulaibh. (3) anfa, uabhar. (4) sàthta trìd, air a mharbhadh. (5) ardaichidh tu. (6) dìdean. (7) sealladh. (8) re d’ naomhaibh. (9) Cha dean an nàmhaid fòireigin air. (10) sgriosaidh. [TD 239] SALM LXXXIX. agus mo thròcair maille ris, agus ann am ainmsa arduichear adharc-san. 25 Agus cuiridh mi a làmh (1) anns an fhairge, agus a dheas làmh anns na h-aibhnibh (2). 26 Glaodhaidh e rium, Is tu m’athair, mo Dhia, agus carraig mo shlàinte. 27 Mar an ceudna ni mi mo cheud-ghin dheth, ard os cionn righre na talmhainn. 28 Gu bràth gleidhidh mi mo thròcair dha, agus bithidh mo choimhcheangal seasmhach leis. 29 Agus suidhichidh mi gu bràth a shliochd, agus a righ-chaithir mar laithibh nan nèamh. 30 Ma thréigeas a chlann mo lagh, agus nach gluais iad ann am bhreitheanasaibh; 31 Ma mhi-naomhaicheas iad mo reachdan, agus nach gléidh iad m’àitheantan; 32 An sin fiosraichidh mi le slait an eusaontas, agus le buillibh an euceart. 33 Gidheadh, cha bhuin mi gu tur mo chaoimhneas-gràidh uaith, agus cha bhreugaich mi mo ghealladh. 34 Cha bhris mi mo choimhcheangal; agus an ni a thàinig a m’ bhilibh cha chaochail mi. 35 Aon uair mhionnaich mi air mo naomhachd, nach dean mi breug do Dhaibhidh. 36 Mairidh a shliochd gu bràth, agus a righ-chaithir mar a’ghrian a’m’ làthair. 37 Mar a’ghealach, daingnichear e gu bràth; agus mar fhianuis dhìleas ann an nèamh. Selah. 38 Ach thilg thu uait, agus ghabh thu gràin (3); bha fearg ort re t’Aon ungta. 39 Sgaoil thu coimhcheangal t’òglaich; thruaill thu a choron, g’a thilgeadh gu làr. 40 Bhris tha a bhallacha-dìonaidh uile; rinn thu a dhaingneacha ’nan sgrios. 41 Creachaidh iadsan uile a ghabhas an t’slighe e: tha e ’na mhasladh d’a choimhearsnachaibh. 42 Thog thu suas deas làmh a naimhdean; rinn thu ’eascairdean uile ait. 43 Mar an ceudna phill thu faobhar a chlaidheimh, agus cha d’thug thu air seasamh anns a’ chath. 44 Chuir thu as d’a ghlòir (4), agus thilg thu sìos a righ-chaithir gu làr. 45 Ghiorraich thu laithean ’òige (5); chòmhdaich (6) thu e le nàire. Selah. 46 Cia fhad, a Thighearn, a dh’fholuicheas tu thu féin gu tur (7)? a loisgeas, mar theine, do chorruich? 47 Cuimhnich cia gearr m’aimsir: c’arson a chruthaich thu gu dìomhain clann nan daoine uile; 48 Cò e an duine a ta beo, agus nach faic am bàs, no theasairgeas anam féin o làimh na h-uaighe? Selah. 49 C’àit am bheil do chaoimhneasa-gràidh roimhe so, a Thighearn, a mhionnaich thu do Dhaibhidh air t’fhìrinn? 50 Cuimhnich, a Thighearna, masladh do sheirbhiseach; gu’n do ghiùlain mise ann am uchd uile mhasladh sluaigh mhòir, (1) a neart, a chumhachd. (2) sruthaibh. (3) dhiùlt thu. (4) ghloine. (5) a òige. (6) dh’fholuich. (7) an ann gu bràth? [TD 240] SALM XC. XCI. 51 Leis an do mhaslaich do naimhdean, a Thighearna, leis an do mhaslaich iad ceumanna t’Aoin ungta. 5 Beannuichte gu robh an Tighearna gu sìorruidh! Amen agus Amen. SALM XC. Urnuigh le Maois, òglach Dé. A THIGHEARNA, bha thusa a’d’ ionad-còmhnuidh (1) dhuinn o linn gu linn. 2 Mun do ghineadh na beannta, agus mun do dhealbh thu an talamh agus an cruinne-cé, eadhon o bhith-bhuantachd gu bith-bhuantachd is tusa Dia. 3 Tionndaidhidh tu an duine gu sgrios; agus their thu, Pillibh, a chlann nan daoine. 4 Oir a ta mìle bliadhna ann ad shealladh-sa, mar an la’n dé ’nuair a théid e seachad, agus mar fhaire anns an oidhche. 5 Dh’fhuadaich thu iad, mar le sruth; mar chodal tha iad: anns a’ mhaduinn tha iad mar fheur a dh’fhàsas suas (2). 6 Air maduinn thig e fuidh bhlàth, agus fàsaidh e suas; air feasgar gearrar sìos e, agus seargaidh e. 7 Oir tha sinn air ar caitheadh le d’ fheirg, agus le d’ chorruich tha sinn air ar claoidh (3). 8 Chuir thu ar n-eucearta a’t’ fhianuis, ar peacanna dìomhair ann an solus do ghnùise. 9 Oir tha ar laithean air teireachduinn (4) ann ad fheirg: chaith sinn ar bliadhnacha mar sgeul a dh’innseadh. 10 Tha laithean ar bliadhnacha ’nan tri fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh (5): oir gearrar as e gu grad, agus siubhlaidh sinn (6). 11 Cò d’an aithne neart t’fheirge, agus a réir t’eagail, do chorruich? 12 Teagaisg dhuinn mar so ar laithean àireamh, chum gu socraich sinn ar cridhe air gliocas. 13 Pill, a Thighearna; cia fhad (7)? agus gabh aithreachas a thaobh do sheirbhiseach. 14 Sàsuich sinn gu moch le d’ thròcair, a chum gu dean sinn gairdeachas agus aoibhneas rè ar laithean uile. 15 Dean aoibhneach sinn a réir nan là air an do chràidh thu sinn, nam bliadhna anns am faca sinn olc. 16 Faicear t’obair le d’ sheirbhisich, agus do ghlòir le’n cloinn. 17 Agus biodh maise an Tighearna ar Dé oirnn; agus daingnich thusa obair ar làmh dhuinn (8), seadh, daingnich obair ar làmh. SALM XCI. GABHAIDH esan a tha ’na chòmhnuidh ann an ionad dìomhair an Ti a’s airde, tàmh fo sgàile an Uile-chumhachdaich. 2 Their mi (9) mu thimchioll an Tighearna, Is e mo thearmunn, agus mo dhaingneach; (1) a’d’ thearmunn. (2) a chaochlaidheas. (3) fa amhluadh. (4) air tionndadh, air gabhail seach. (5) a’ chuid a’s fearr, a’ chuid a’s mò dhiubh. (6) teichidh sinn romhainn. (7) Pill, a Thighearna, fa dheoidh. (8) oirnn. (9) Their e. [TD 241] SALM XCII. mo Dhia, anns an cuir mi mo dhòigh. 3 Gu dearbh saoraidh e thu o rib an eunadair, o’n phlàigh mhilltich. 4 Le ’iteagaibh (1) còmhdaichidh e thu, agus fuidh a sgiathaibh bithidh t’earbsa: bithidh fhìrinn ’na sgéith agus ’na targaid dhuit. 5 Cha bhi eagal ort a thaobh an uamhais anns an oidhche, no na saighde a ruitheas san là, 6 No na plàigh a ghluaiseas an dorchadas, no an sgrios a mhilleas mu mheadhon-là. 7 Tuitidh mìle red’ thaobh, agus deich mìle air do làimh dheis; ach cha d’ thig e am fagus duit. 8 A mhàin le d’ shùilibh seallaidh tu, agus chi thu dìol (2) nan aingidh. 9 A chionn gu’n d’rinn thu an Tighearna ’na thearmunn (3), an Ti a’s airde ’na ionad-còmhnuidh dhuit; 10 Cha’n éirich olc air bith dhuit, agus cha d’thig plàigh am fagus do t’fharduich (4): 11 Oir bheir e àithne d’a ainglibh mu d’ thimchioll, chum do ghleidheadh ann ad shlighibh uile. 12 ’Nan làmhaibh (5) togaidh iad suas thu, air eagal gu’m buail thu do chos air cloich. 13 Air an leòmhan (6) agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fo d’ chois an leòmhan òg agus an dràgon. 14 A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; ardaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. 15 Gairmidh e orm, agus éisdidh mi ris: bithidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. 16 Le fad laithean (7) sàsuichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte. SALM XCII. Salm no laoidh airson latha na sàbaid. IS maith an ni buidheachas a thabhairt do’n Tighearna, agus cliu a thabhairt do t’ainm-sa, O Thi a’s airde; 2 Do chaoimhneas-gràidh (8) a chur an céill anns a’ mhaduinn, agus t’fhìrinn gach oidhche, 3 Air inneal-ciuil nan deich teud, agus air an t-saltair; air a’ chlàrsaich le fuaim fhonnmhoir aird (9). 4 Oir rinn thu mi aoibhinn, a Thighearna, trìd t’oibre-sa; ann an gnìomharaibh do làmh ni mi gairdeachas. 5 Cia mòr do ghnìomhara-sa, a Thighearna! ro-dhomhainn tha do smuainte. 6 Cha’n eòl do’n amhlair (10), agus cha tuig an t-amadan so. 7 An uair a chinneas na h-aingidh mar fheur, agus a thig uile luchd-dheanamh na h-euceirt fo bhlàth, bithidh (11) iad air an sgrìos am feasd. 8 Ach a ta thusa ro-ard gu sìorruidh, a Thighearna. 9 Oir feuch, do naimhdean, a Thighearn, oir feuch, do (1) a iteich. (2) duais, tuarasdal. (3) neach a’s e mo thearmunn. (4) dod’ phàilliun. (5) Air an làmhaibh. (6) sachal. Eabh. (7) Le saoghal fada. (8) do thròcair. (9) Higaion. Eabh. (10) do’n ùmaidh, do’n duine bhrùideil. (11) is ann a chum gu’m bi. [TD 242] SALM XCIII. XCIV. naimhdean, sgriosar iad: sgapar uile luchd-dheanamh na h-euceirt. 10 Ach mar adharc buabhuill (1) ardaichidh tu m’adharc-sa: ungar mi le h-oladh ùir. 11 Agus amhaircidh mo shùil air m’eascairdibh (2); mu na droch dhaoinibh a dh’éireas suas a’m’ aghaidh cluinnidh mo chluasan. 12 Mar chrann-pailme, thig am firean fo bhlàth (3); mar sheudar air Lebanon, fàsaidh e suas. 13 Iadsan a shuidhichear ann an tigh an Tighearna, ann an cùirtibh ar Dé-ne thig iad fo bhlàth: 14 Fathast ’nan sean aois bheir iad a mach toradh; sultmhor (4) agus ùr (5) bithidh iad: 15 A chum gu nochd iad gu bheil an Tighearna, mo charraig, cothromach, agus nach ’eil euceart ann. SALM XCIII. THA’N Tighearn a’ rìoghachadh, tha e air a sgeadachadh le mòralachd; tha’n Tighearn air a sgeadachadh le neart, agus chrioslaich se e féin: tha’n saoghal mar an ceudna air a dhaingneachadh, chum nach gluaisear e. 2 Dhaingnicheadh do righ-chaithir o chian: o shìorruidheachd tha thusa. 3 Thog na tuilte suas, a Thighearna, thog na tuilte suas an guth: togaidh na tuilte suas an tonna. 4 Os cionn toirme (6) uisgeacha lìonmhor, os cionn thonn neartmhor na mara, is neartmhor (7) anns na h-ardaibh (8) an Tighearna. 5 Tha do theisteis (9) ro-fhìor: do d’ thigh-sa is iomchuidh naomhachd, a Thighearna, gu bràth. SALM XCIV. A Dhé an dioghaltais (10), a Thighearna Dhé an dìoghaltais, dealraich a mach. 2 Ardaich thu féin, a Bhreitheimh na talmhainn; ìoc luigheachd (11) do na h-uaibhrich. 3 Cia fhad a ni na h-aingidh, a Thighearna, cia fhad a ni na h-aingidh caithreim? 4 Cia fhad a bhrùchdas iad briathra, a labhras iad nithe cruaidhe? a bhios uile luchd-dheanamh an uilc re ràiteachas? 5 A bhruthas iad do shluagh, a Thighearn, agus a chlaoidheas iad t’oighreachd? 6 A mharbhas iad a bhantrach agus an coigreach, agus a mhortas iad na dìlleachdain? 7 Agus a their iad, Cha’n fhaic an Tighearn, agus cha d’thoir Dia Iacoib fa’near e? 8 Tuigibh, sibhse amhlairean (12) am measg an t-sluaigh; agus amadana, c’uin a bhios sibh glic? 9 An ti a shuidhich a’ chluas, nach cluinn e? an ti a dhealbh an t-sùil, nach faic e? 10 An ti a smachdaicheas na fineacha (13), nach cronuich e? an (1) aon-adharcaich, sròin-adharcaich. (2) air crioch m’eascairdean. (3) bithidh piseach air, soirbhichidh leis an fhìrean. (4) brìoghmhor, sùghmhor. (5) uaine. (6) ghuth. (7) mòralach, uamhasach. (8) anns an ionad ard. (9) t’fhianuisean. (10) d’am buin dioghaltas. (11) luaigheachd. duais. (12) a dhaoine baoghalta, brùideil. (13) cinnich. [TD 243] SALM XCV. ti a theagaisgeas eòlas do’n duine, nach ’eil eòlas aige? 11 Is fiosrach an Tighearn air smuaintibh dhaoine, gur dìomhanas iad. 12 Is beannuichte an duine a smachdaicheas tusa, a Thighearn, agus a theagaisgeas tu as do lagh: 13 Chum fois a thabhairt da o laithibh an uilc (1), gus an cladhaichear slochd do’n aingidh. 14 Oir cha tilg Dia dheth a shluagh, agus cha tréig e oighreachd féin; 15 Ach pillidh breitheanas re ceartas, agus leanaidh iadsan uile a tha ionraic (2) ’nan cridhe e. 16 Cò dh’éireas leam an aghaidh luchd-deanamh an uilc? cò sheasas air mo shon an aghaidh luchd-deanamh na h-aingidheachd? 17 Mur biodh an Tighearna ’gam chuideachadh, is beag nach robh m’anam ’na thàmh gu tosdach (3). 18 ’Nuair a thubhairt mi, Tha mo chos air sleamhnachadh uam, chum do thròcair, a Thighearna, suas mi. 19 Ann an lìonmhoireachd mo smuainte an taobh a stigh dhìom, thug do chomhfhurtachdsa sòlas do m’anam. 20 Am bi comunn riutsa aig righ-chaithir na h-euceirt, a dhealbhas aimhleas le reachd? 21 Cruinnichidh iad le chéile an aghaidh anama an fhìrein, agus dìtidh iad fuil neo-chiontach. 22 Ach is e’n Tighearna mo dhaingneach; ague is e mo Dhia carraig mo dhòchais (4). 23 Agus dìolaidh e orra féin an euceart, agus ’nan aingidheachd féin gearraidh e as iad; gearraidh an Tighearn ar Dia as iad. SALM XCV. O THIGIBH, seinneamaid do’n Tighearna; togamaid iolach do charraig ar slàinte. 2 Thigeamaid ’na fhianuis le buidheachas, agus le salmaibh togamaid ceòl dha gu suilbhireach: 3 Oir is Dia mòr an Tighearn, agus is Righ mòr e os cionn nan uile dhé. 4 ’Na làimh-san tha doimhneachda na talmhainn; agus is leis airde (5) nam beann. 5 Is leis an fhairge, oir is e a rinn i; agus dhealbh a làmhan an talamh tioram. 6 O thigibh, sleuchdamaid, agus cromamaid sìos; tuiteamaid air ar glùinibh am fianuis an Tighearna a rinn sinn: 7 Oir is esan ar Dia, agus is sinne sluagh ionaltraidh-san, agus caoraich a làimhe. 8 An diugh ma dh’éisdeas sibh r’a ghuth, na cruaidhichibh bhur cridhe, mar anns a’ chonsachadh (6), mar ann an latha a’ bhuairidh (7) anns an fhàsach; 9 ’Nuair a bhuair bhur n-aithriche mi, a dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’oibre rè dhà fhichead bliadhna (8). 10 Chuireadh campar orm (1) àmhghair. (2) dìreach. (3) san uaigh. (4) mo charraig-dhìonaidh. (5) neart. (6) chomh-stri; Meribah. Eabh. (7) Masah. Eabh. (8) Faic. Eabh. Caib. III. r. 9. [TD 244] SALM XCVI. XCVII. leis a’ ghinealach ud, agus thubhairt mi, Is sluagh seachranach ’nan cridhe iad, agus cha’n aithne dhoibh mo shlighean: 11 D’an d’thug mi mo mhionnan a’m’ fheirg, nach rachadh iad a steach a’m’ fhois. SALM XCVI. CANAIBH do’n Tighearn laoidh (1) nuadh; canaibh do’n Tighearn, a thìrean uile. 2 Canaibh do’n Tighearna, beannuichibh ’ainm; foillsichibh o là gu là a shlàinte. 3 Cuiribh an céill am measg nan cinneach a ghlòir, am measg gach sluaigh iongantais-san. 4 Oir is mòr an Tighearn, agus is ro-airidh e air cliù: is aobhar eagail esan os cionn nan uile dhé: 5 Oir is iodhoil (2) uile dhée na cinneach: ach is e’n Tighearn a rinn na nèamha. 6 Tha urram agus mòralachd ’na fhianuis; neart agus maise ’na ionad naomh. 7 Thugaibh do’n Tighearna, sibhse fhineacha nan sluagh; thugaibh do’n Tighearna glòir (3) agus neart. 8 Thugaibh do’n Tighearn a’ ghlòir a’s cubhaidh d’a ainm; thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh a steach d’a chùirtibh. 9 Sleuchdaibh do’n Tighearn ann am maise na naomhachd; biodh eagal oirbh ’na fhianuis, gach uile thìr. 10 Abraibh am measg nan cinneach, Tha’n Tighearn a’ rìoghachadh: mar an ceudna daingnichear an domhan, chum nach gluaisear e: bheir e breth air na slòigh le ceartas. 11 Biodh na nèamhan aoibhneach, agus deanadh an talamh gairdeachas; beucadh an fhairge, agus a làn. 12 Biodh a’ mhachair ait, agus gach ni a ta innte: ansin deanadh uile chranna na coille luathghaire 13 An làthair an Tighearna; oir tha e a’ teachd, oir tha e a’ teachd a thoirt breth air an talamh: bheir e breth air an t-saoghal le ceartas, agus air na slòigh le fhìrinn. SALM XCVII. THA’N Tighearn a’ rìoghachadh; biodh aiteas air an talamh: deanadh na h-eileana lìonmhor gairdeachas. 2 Tha neoil agus dorchadas m’a thimchioll: is iad ceartas agus breitheanas àite-còmhnuidh a righ-chaithreach. 3 Théid teine roimhe, agus loisgidh e suas a naimhdean air gach taobh (4). 4 Shoillsich a dhealanaich an cruinne-cé: chunnaic, agus chriothnaich an talamh. 5 Leagh na beannta as mar chéir o làthair an Tighearna, o làthair Thighearna na talmhainn uile. 6 Cuiridh na nèamha an céill a cheartas, agus chi gach sluagh a ghlòir. 7 Bithidh (5) amhluadh orra-san uile a ni seirbhis do dhealbhaibh snaidhte, a ni uaill a h-ìodholaibh: sleuchdaibh dha, a dhée uile. 8 Chuala Sion, agus bha aoibhneas oirre, agus rinn nigheana Iudah gairdeachas, airson do bhreitheanasa, a Thighearna. (1) òran. (2) dealbha faoin. (3) urram. (4) mu’n cuairt. (5) Biodh. [TD 245] SALM XCVIII. XCIX. 9 Oir a ta thusa, a Thighearna, ard os cionn na talmhainn uile; tha thu air t’ardachadh gu mòr os cionn nan uile dhé. 10 Sibhse a ghràdhaicheas an Tighearna, fuathaichibh olc: gleidhidh e anama a naomh; a làimh nan aingidh saoruidh e iad. 11 Dh’éirich (1) solus do’n fhìrean, agus aoibhneas dhoibhsan a tha ionraic ’nan cridhe. 12 Biodh aoibhneas (2) oirbh, fhìreana, anns an Tighearna; agus thugaibh buidheachas re cuimhneachadh air a naomhachd. SALM XCVIII. Salm. O SEINNIBH do’n Tighearna laoidh (3) nuadh, oir rinn e nithe iongantach: dh’oibrich a dheas-làmh agus a ghairdean naomh slàinte dha (4). 2 Thaisbein an Tighearn a shlàinte; an sealladh nan cinneach dh’fhoillsich e fhìreantachd. 3 Chuimhnich e a thròcair agus fhìrinn do theaghlach Israeil; chunnaic uile chrìocha na talmhainn slàinte ar Dé. 4 Togaibh iolach ait do’n Tighearn, a thìrean uile (5): togaibh bhur guth, deanaibh gairdeachas, agus seinnibh cliu. 5 Seinnibh do’n Tighearn le clàrsaich; le clàrsaich agus guth sailme. 6 Le trompaidibh agus guth na h-adhairce (6), togaibh iolach ait an làthair an Righ Iehobhah. 7 Beucadh an fhairge agus a làn, an saoghal agus iadsan a tha ’nan còmhnuidh ann. 8 Buaileadh na tuiltean am bosa; cuideachd deanadh na beannta luathghaire 9 Anlàthair an Tighearna; oir tha e a’ teachd a thabhairt breth air an talamh: bheir e breth air an t-saoghal am fireantachd, agus air na slòigh an ceartas. SALM XCIX. THA’N Tighearn a’ rìoghachadh; criothnuicheadh na slòigh: tha e ’na shuidhe eadar cheruban; biodh crith air an talamh. 2 Tha’n Tighearna mòr ann an Sion, agus tha e ard os cionn gach sluaigh. 3 Moladh iad t’ainm mòr agus uamhasach: is naomha e. 4 Agus is toigh leis an Righ chumhachdach (7) breitheanas: is tu a shocruicheas a’ chòir; ni thusa breitheanas agus ceartas ann an Iacob. 5 Ardaichibh an Tighearn ar Dia, agus sleuchdaibh aig stòl a chos: is naomha esan. 6 Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel ’nam measg-san a ghairm air ’ainm: ghairm iadsan air an Tighearn, agus fhreagair esan iad. 7 Am baideal (8) neoil labhair e riu: ghléidh iad a theisteis, agus an reachd a thug e dhoibh. 8 A Thighearn ar Dia, fhreagair thusa iad: is tu an (1) Chuireadh, Shiol-chuireadh. (2) aiteas, gairdeachas. (3) òran. (4) thug a dheas-làmh agus a ghairdean naomh buaidh a mach dha. Faic Isaiah Caib. LXIII. r. 5. (5) uile luchd-àiteachaidh na talmhainn. (6) a’ bhuabhuill, na gall-truimp; cornet. Sasg. (7) le neart an Righ. Eabh. (8) stac, meall, uaithne. [TD 246] SALM C. CI. CII. Dia a thug maitheanas dhoibh, ge do rinn thu dioghaltas airson an gnìomhara (1). 9 Ardaichibh an Tighearn ar Dia, agus sleuchdaibh aig a shliabh naomha: oir is naomh an Tighearn ar Dia. SALM C. Salm molaidh. TOGAIBH iolach ait do’n Tighearn, a thìrean uile. 2 Deanaibh seirbhis do’n Tighearna le h-aoibhneas, thigibh ’na fhianuis le luathghaire (2). 3 Biodh fios agaibh gur e’n Tighearn a’s Dia ann: is e a rinn sinn, agus cha sinn féin; is sinn a shluagh, agus caoraich ionaltraidh-san. 4 Thigibh a steach ’na gheataibh le buidheachas, ’na chùirtibh le moladh; thugaibh buidheachas dha, beannuichibh ’ainm. 5 Oir tha’n Tighearna maith; mairidh a thròcair gu bràth, agus fhìrinn o linn gu linn. SALM CI. Salm le Daibhidh. MU thròcair agus breitheanas canaidh mi: dhuitse, a Thighearna, seinnidh mi. 2 Iomchairidh mi mi féin gu glic air slighe ionraic (3)? O c’uin a thig thu am’ ionnsuidh (4)? gluaisidh mi ann an ionracas mo chridhe am meadhon mo thighe. 3 Cha chuir mi ni olc sam bith fa chomhair mo shùl: is fuathach leam obair luchd eusaontais; cha lean i rium. 4 Triallaidh cridhe iargalt (5) uam; air an daoi (6) cha chuir mi eòlas. 5 An ti gu dìomhair a bheir beum d’a choimhearsnach, esan gearraidh mi as; an ti aig am bheil sealladh ard, agus cridhe uaibhreach, esan cha’n fhuiling mi. 6 Bithidh mo shùilean air fireanaibh na tìre, chum gu gabh iad còmhnuidh leam: esan a ghluaiseas ann an slighe ionraic, ni e seirbhis dhomh. 7 Cha ghabh fear-deanamh ceilge còmhnuidh ann am thigh; cha’n fhuirich fear-labhairt bhreug fa chomhair mo shùl. 8 Gu moch gearraidh mi as uile dhroch dhaoine na tìre; chum gu sgath mi as o chathair an Tighearna (7) uile luchd-deanamh an uilc. SALM CII. Urnuigh air son duine thruaigh, ’nuair a bhios e air a shàruchadh, agus a thaomas e a ghearan an làthair an Tighearna. A THIGHEARN, éisd re m’ùrnuigh, agus thigeadh mo ghlaodh a d’ionnsuidh. 2 Na foluich do ghnùis uam ann an latha mo theinn: aom do chluas rium san là air an gairm mi ort; éisd rium gu grad. 3 Oir tha mo laithean air teireachdainn mar dheataich, agus tha mo chnàmhan air an losgadh mar theinntein (8). 4 Tha mo chridhe air a bhualadh, agus air seargadh mar fheur; air chor as nach cuimhne leam m’aran itheadh. (1) an innleachda. (2) le fonn ait. (3) fhoirfe, iomlain. (4) ’nuair a thig thu am’ ionnsuidh. (5) reasgach, ana-mèineach. (6) an droch dhuine. (7) o mhòr-bhaile an Tighearna. (8) theallach. [TD 247] SALM CII. 5 Le guth m’osnaich, lean mo chnàmhan re m’fheoil (1). 6 Tha mi cosmhuil re pelican an fhàsaich; tha mi mar chomhachaig (2) nan ionad aonaranach. 7 Tha mi re faire, agus tha mi mar eun (3) ’na aonar air mullach tighe. 8 Air feadh an latha tha mo naimhde gam’ mhasluchadh; agus iadsan a tha air boile rium, mhionnaich iad a’m’ aghaidh (4). 9 Oir dh’ith mi luath mar aran, agus mheasg mi mo dheoch le m’ dheuraibh (5), 10 Trìd do chorruich agus t’fheirge; oir thog thu mi suas, agus leag thu mi sìos. 11 Tha mo laithean, mar sgàile, ag aomadh sìos; agus tha mi féin, mar fheur, air seargadh. 12 Ach mairidh tusa, a Thighearna, gu bràth, agus do chuimhne o linn gu linn. 13 Eiridh tusa, ni thu tròcair air Sion; oir tha’n t-àm gu deadh-ghean (6) a nochdadh dh’i, seadh, an t-àm suidhichte air teachd. 14 Oir tha do sheirbhisich a’gabhail tlachd ’na clachaibh, agus tha deadh rùn aca d’a luaithre. 15 Mar sin bithidh eagal air na cinnich roimh ainm an Tighearna, agus air uile righribh na talmhainn roimh a (7) ghlòir. 16 An uair a thogas an Tighearna suas Sion, chithear e ’na ghlòir. 17 Bheir e ’n aire do ùrnuigh nan dìobarach (8), agus cha dean e tàir air an athchuinge. 18 Scrìobhar so do’n àl re teachd; agus molaidh an sluagh a ghinear (9) an Tighearna. 19 Oir dh’amhairc e nuas o airde a naomhachd (10) féin; o na nèamhaibh sheall an Tighearn air an talamh. 20 A chluinntinn osnaich a’ phriosunaich (11), chum fuasgladh orra-san a dh’òrduicheadh chum báis (12); 21 Chum ainm an Tighearna chur an céill ann an Sion, agus a chliu ann an Ierusalem; 22 An uair a chruinnichear na slòigh le chéile, agus na rìoghachda, gu seirbhis a dheanamh do’n Tighearna. 23 Chlaoidh e anns an t-slighe mo neart; ghiorraich e mo laithean. 24 Thubhairt mi, Mo Dhia, na tabhair air falbh mi ann am meadhon mo laithean: tha do bhliadhnan-sa air feadh nan uile linn. 25 O chian (13) leag thu bunaite na talmhainn; agus is iad na nèamha obair do làmha. 26 Théid as doibhsan (14), ach mairidh tusa: fàsaidh iadsan uile sean mar eudach; mar thrusgan caochlaidh tu iad, agus bithidh iad air an caochladh (15). 27 Ach is tusa an Ti ceudna, agus cha chrìochnuichear do bhliadhnan. 28 Mairidh clann do sheir (1) re m’ chraicionn. (2) chaillich-oidhche. (3) ghealbhonn. (4) orm. (5) le gul. (6) gràs, truacantas. (7) do. (8) nan daoine bochd, lom. (9) a chruthaichear. (10) ionaid naomha. (11) osnaidh a’ chimich. (12) air clann a’ bhàis. (13) An toiseach, air tùs. (14) Teirgidh iadsan. (15) air am mùthadh, air an atharrachadh. [TD 248] SALM CIII. CIV. bhiseach, agus daingnichear an sliochd a’d’ fhianuis. SALM CIII. Salm le Daibhidh. BEANNUICH an Tighearn, O m’anam; agus moladh gach ni a ta’n taobh a stigh dhìom, ainm naomha-san. 2 Beannuich an Tighearn, O m’anam; agus na di-chuimhnich a thiodhlacan uile. 3 ’Se mhaitheas dhuit do pheacanna gu léir, a shlànuicheas t’euslaintean (1) uile; 4 A shaoras do bheatha o sgrios (2), a chrùnas tu le caoimhneas-gràidh agus caomh thròcairibh. 5 A shàsuicheas do bheul le nithibh maithe, air chor as gu’n ath-nuadhaichear t’òige, mar òige na h-iolaire. 6 Ni an Tighearna ceartas agus breitheanas dhoibhsan uile a tha air an sàruchadh (3). 7 Dh’fhoillsich e a shlighean do Mhaois, a ghnìomhara do chloinn Israeil. 8 Is tròcaireach agus is gràsmhor an Tighearn, mall chum feirge, agus pailt ann an caoimhneas-gràidh (4). 9 Cha chronuich e gu sìorruidh, agus cha ghléidh e fhearg gu bràth. 10 A réir ar peacanna cha d’rinn e oirnn, agus a réir ar n-eucearta cha d’thug e luigheachd dhuinn. 11 Oir mar a ta na nèamhan ard (5) oscionn na talmhainn, mar sin a ta a thròcair (6) mòr d’an taobh-san d’an eagal e. 12 Co fhad as a ta ’n aird an ear o’n aird an iar, co fhad as sin chuir e uainn ar n-eusaontais. 13 Mar a ghabhas athair truas d’a chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan d’an eagal e. 14 Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn. 15 An duine, mar fheur tha a laithean; mar bhlàth na macharach, mar sin fàsaidh e fo bhlàth. 16 Oir gabhaidh a’ ghaoth thairis, agus cha bhi e ann; agus cha’n aithnich ionad féin e ni’s mò. 17 Ach ata tròcair an Tighearna o shìorruidheachd orra-san d’an eagal e, agus fhìreantachd do chloinn an cloinne; 18 Dhoibhsan a chumas a choimhcheangal, agus a chuimhnicheas ’àitheanta, chum an deanamh. 19 Shocruich an Tighearn a righ-chaithir anns na nèamhaibh; agus tha a rìoghachd a’ riaghladh oscionn nan uile. 20 Beannuichibh an Tighearna, sibhse ’aingle, treun an neart, a’deanamh ’iarrtuis, ag éisdeachd re fuaim fhocail (7). 21 Beannuichibh an Tighearn, a shlòigh uile, sibhse a luchd-frithealaidh a ni a thoil. 22 Beannuichibh an Tighearn, ’oibre uile, anns gach ait d’a thighearnas: beannuich an Tighearn, O m’anam! SALM CIV. BEANNUICH an Tighearn, O m’anam! A Thighearna mo Dhia, tha thusa ro-mhòr; (1) eucailean. (2) o’n t-slochd. Eabh. (3) fo fhoirneart. (4) tròcair. (5) a réir airde nan nèamh. (6) a ghràs, a chaoimhneas gràdhach. (7) guth fhocail. [TD 249] SALM CIV. le h-urram agus mòralachd (1) tha thu air do sgeadachadh. 2 Tha thu a’cur soluis umad mar thrusgan, a’ sìneadh a mach nan nèamh mar chùirtein. 3 Tha e a’ leagadh sailthean a sheòmar anns na h-uisgibh, a’ deanamh nan neul ’nan carbad dha féin, a’ siubhal air sgiathaibh gaoithe; 4 A’ deanamh ’aingle ’nan spioradaibh, a luchd-frithealaidh ’nan teine lasrach (2). 5 Shuidhich e an talamh air a bhunaitibh, chum nach gluaisteadh e gu bràth. 6 Leis an doimhneachd, mar le trusgan, chòmhdaich (3) thu e: sheas na h-uisgeacha os cionn nam beann. 7 O t’achmhasan-sa theich iad, o ghuth do thairneanaich ghreas iad rompa. 8 Chaidh iad suas re taobh nam beann; chaidh iad sìos air feadh nan gleann do’n àit a dh’orduich thusa dhoibh. 9 Shuidhich thu crìoch air nach d’théid iad thairis; chum nach pill iad a rìs a chòmhdachadh (4) na talmhainn. 10 Tha e a’ cur thobar anns na gleanntaibh, a tha a’ ruith air feadh nam beann. 11 Bheir iad deoch do uile bheathaichibh na machrach: coisgidh na h-asail fhiadhaich an ìotadh (5). 12 Am fagus doibh còmhnuichidh eunlaith nan speur, a bhios a’ seinn am measg nan geug. 13 Uisgichidh e na beannta o sheomraibh: le toradh a (6) ghnìomh sàsuichear an talamh. 14 Bheir e air feur fàs do’n spréidh, agus air luibh chum seirbhis (7) an duine, chum aran a thabhairt as an talamh, 15 Agus fion a ni cridhe an duine subhach, ola a ni a ghnùis dealrach, agus aran a neartaicheas cridhe an duine. 16 Tha craobhan an Tighearna làn brìghe, seudair Lebanoin a shuidhich e: 17 Far an dean na h-eoin an nid; aig an storc (8) tha na craobhan giuthais (9) mar ionad-tàimh. 18 Tha na beanntan ard ’nan tearmunn do na gabhair fhiadhaich; na creagan do na coineanaibh (10). 19 Rinn e a’ ghealach air son aimsirean; is aithne do’n ghréin mar a luidheas i. 20 Ni thu dorchadas, agus tha’n oidhche ann: an sin snàigidh uile bheathaiche na coille mach. 21 Beucaidh na leòmhain òg air son cobhartaich, agus ag iarraidh am bìdh air Dia. 22 Eiridh a’ghrian, cruinnichidh iad le chéile, agus ’nan àitibh-tàimh luidhidh iad. 23 Théid an duine mach gu ’obair, agus gu shaothair gu feasgar. 24 Cia lìonmhor t’oibre, a Thighearn! ann an gliocas rinn thu iad gu léir: tha’n talamh làn le d’ shaibhreas; 25 Mar an ceudna an cuan so (1) glòir. (2) A’ deanamh a theachdairean do na gaothaibh, a luchd-frithealaidh do’n teine lasrach. (3) dh’fholuich. (4) a dh’fholach. (5) an tart, am pathadh. (6) do. (7) feuma. (8) a’ chorra-bhàin. (9) giumhais. (10) sapan. Eabh. [TD 250] SALM CV. a ta mòr agus farsaing, anns am bheil creutairean snàigeach (1) gun àireamh, araon beathaichean beag agus mòr. 26 An sin siubhlaidh na longa; agus an Lebhiatan sin, a dhealbh thu gu sùgradh ann. 27 Feithidh iad sin uile ortsa, chum gu’n tabhair thu dhoibh am biadh ’na thràth. 28 Bheir thusa dhoibh, cruinnichidh iadsan; fosgailidh tu do làmh, sàsuichear iad le maith. 29 Foluichidh tu do ghnùis, bithidh iad fa amhluadh; bheir thu uatha an deò, eugaidh iad, agus pillidh iad re’n ùir (2). 30 Cuiridh tu mach do spiorad, cruthaichear iad; agus ath-nuadhaichidh tu aghaidh na talmhàinn. 31 Mairidh glòir an Tighearna gu bràth; ni an Tighearna gairdeachas ’na oibribh. 32 Seallaidh e air an talamh, agus criothnuichidh e; beanaidh e ris na beanntaibh, agus bithidh deatach dhiubh. 33 Seinnidh mise do’n Tighearn an cian is beo mi; canaidh mi moladh do m’ Dhia fhad’s a bhios bith agam. 34 Bithidh mo smuaintean air milis (3); ni mi gairdeachas anns an Tighearna. 35 Sgriosar peacaich a mach as an talamh, agus cha bhi (4) na h-aingidh ann ni’s mò. Beannuich an Tighearn, O m’anam. Molaibhse an Tighearna. SALM CV. THUGAIBH buidheachas (5) do’n Tighearna; gairmibh air ’ainm; foillsichibh (6) am measg nan sluagh a ghnìomhara. 2 Seinnibh dha, seinnibh sailm dha; labhraibh air oibribh iongantach-san gu léir. 3 Deanaibh uaill as ainm naomha-san: biodh gairdeachas air cridhe na droinge a dh’iarras an Tighearn. 4 Iarraibh an Tighearn agus a neart; iarraibh a ghnùis a ghnàth. 5 Cuimhnichibh ’oibrean iongantach a rinn e, a chomharan (7) agus breitheanais a bhéil, 6 O sibhse a shliochd Abrahaim ’òglaich-san, sibhse a chlann Iacoib a dhaoine taghta-san. 7 Is esan an Tighearn ar Dia-ne; air feadh na talmhainn uile tha a bhreitheanais. 8 Chuimhnich e gu sìorruidh a choimhcheangal, am focal a dh’orduich e do mhìle ginealach; 9 A rinn e re h-Abraham, agus a mhionnan do Isaac: 10 Agus dhaingnich e sin do Iacob mar reachd (8), do Israel mar choimhcheangal bith-bhuan, 11 Ag ràdh, Dhuitse bheir mi fearann Chanaain, crannchur bhur n-oighreachd. 12 An uair nach robh iad ach ro-thearc an àireamh, agus ’nan coigrich ann, 13 Agus a chaidh iad o chinneach gu cinneach, o rìoghachd gu sluagh eile; 14 Cha do leig e le duine sam bith eucoir a dheanamh orra, (1) snàigheach, gluasadach. (2) duslach, luaithre. (3) mo smuainte taitneach dha. (4) na biodh. (5) moladh, cliu. (6) deanaibh aithnichte. (7) iongantasan. (8) lagh. [TD 251] SALM CV. agus smachdaich e righrean air an son: 15 Ag ràdh, Na beanaibh rem’ dhaoinibh ungta, agus air m’ fhàidhibh na deanaibh cron. 16 Agus ghairm e gorta air an tìr; bhris e uile lorg an arain. 17 Chuir e duine rompa, Ioseph, a reiceadh mar thràill. 18 Le geimhlibh dhochainn iad a chosan; chuireadh an iarunn e gu teann; 19 Gu ruig an t-àm anns an d’thàinig a bhriathar: dhearbh focal an Tighearna e. 20 Chuir an righ teachdoire uaith, agus dh’fhuasgail e air; uachdaran an t-sluaigh, agus leig e saor as e. 21 Rinn se e ’na thighearn air a thigh, agus ’na uachdaran os cionn a mhaoin uile: 22 Chum gu’n ceangladh e ’ard-cheannardan a réir a thoile, agus gu’n deanadh e a sheanairean glic. 23 Agus thàinig Israel do’n Eiphit, agus bha Iacob air chuairt ann an tìr Cham (1). 24 Agus thug e air a shluagh fàs ro-lìonmhor, agus rinn e ni bu treise iad na’n naimhdean. 25 Dh’iompoich e an cridhe gu fuath a thoirt d’a shluagh, agus gu buntainn gu cealgach r’a sheirbhisich. 26 Chuir e d’an ionnsuidh Maois ’òglach féin, Aaron a thagh e. 27 Nochd iad a chomharan ’nam measg, agus a bheartan iongantach ann an tìr Cham. 28 Chuir e mach dorchadas, agus bha dorchadas ann (2): agus cha d’rinn iad ceannairc an aghaidh fhocail. 29 Thionndaidh e an uisgeacha gu fuil, agus mharbh e an iasg. 30 Thug an tìr a mach losgainn (3) gu pailt, ann an seomraichibh an righre. 31 Labhair e (4), agus thàinig iomadh gnè chuileag (5), agus mialan ’nan crìochaibh uile. 32 Airson an uisge thug e dhoibh clach-mheallain (6), agus teine lasrach (7) ’nan tìr. 33 Agus bhuail e an croinn-fhìona agus an croinn-fhìge; agus bhris e craobhan an crìoch. 34 Labhair e, agus thàinig locuist, agus burruis, agus sin gun àireamh; 35 Agus dh’ith iad gach luibh ’nan tìr; agus dh’ith iad meas (8) am fearainn. 36 Agus bhuail e gach ceud-ghin ’nan tìr, toiseach an neirt uile. 37 Agus thug e mach iad le h-airgiod agus le h-òr: agus ’nan treubhaibh uile cha robh aon neach lag. 38 Bha aoibhneas air an Eiphit an uair a chaidh iad a mach; oir thuit an eagal-san orra. 39 Sgaoil e neul mar chòmhdach (9), agus teine gu solus a thoirt san oidhche. 40 Dh’iarr iad, agus thug e dhoibh gearra-goirt; agus le h-aran nèimhe shàsuich e iad. 41 Dh’fhosgail e a’ chreag, agus bhrùchd uisgeacha mach; ruith iad air na h-ionadaibh tiorma mar abhuinn. (1) Ham. (2) dhorchaich e. (3) bhrùchd an talamh a mach losgainn. (4) Dh’ àithn e. (5) sgaoth chuileag. (6) clach-shneachd. (7) teine dealanaich. (8) toradh. (9) bhrat. [TD 252] SALM CVI. 42 Oir chuimhnich e a ghealladh naomha do Abraham a sheirbhiseach. 43 Agus thug e mach a shluagh le h-aoibhneas, a dhaoine taghta le gairdeachas. 44 Agus thug e dhoibh fearann nan cinneach; agus shealbhaich iad saothair nan sluagh. 45 Chum gu d’thugadh iad fa’near a reachdan, agus gu gleidheadh iad a laghanna. Molaibh an Tighearna. SALM CVI. MOLAIBH an Tighearn. O thugaibh buidheachas do’n Tighearn, oir tha e maith, oir gu bràth mairidh a thròcair. 2 Cò is urrainn gnìomhara treun an Tighearna a chur an céill? cò is urrainn a chliu uile fhoillseachadh? 3 Is beannuichte iadsan a choimhideas (1) breitheanas, a ni ceartas anns gach àm. 4 Cuimhnich oirnn (2), a Thighearna, leis an deadh-ghean a nochdas tu do d’shluagh féin: O fiosraich sinn (3) le d’ shlàinte: 5 Chum gu faic sinn (4) maith do dhaoine taghta, chum gu dean sinn aoibhneas ann an aoibhneas do chinnich; chum gu dean sinn uaill le t’oighreachd-sa. 6 Pheacaich sinne le’r n-aithrichibh; rinn sinn gu h-olc, rinn sinn gu h-aingidh. 7 Cha do thuig ar n-aithriche (5) t’iongantais anns an Eiphit, cha do thuig iad lìonmhoireachd do thròcairean, ach bhrosnuich iad thu (6) làimh ris a’ mhuir, aig a’ mhuir ruaidh. 8 Gidheadh theasairg e iad air sgàth ainme féin; chum gu nochdadh e a chumhachd. 9 Agus smachdaich e a’mhuir ruadh, agus thiormaicheadh i; agus threòraich e iad (7) trìd nan doimhneachd, mar trìd fàsaich. 10 Agus theasairg e iad o làimh an ti a thug fuath dhoibh, agus shaor e iad o làimh an nàmhaid. 11 Agus dh’fholuich na h-uisgeacha an eascairde: cha d’fhàgadh aon diubh. 12 An sin chreid iad a bhriathran (8), agus sheinn iad a chliu. 13 Gu luath dhi-chuimhnich iad a ghnìomhara; cha d’fheith iad r’a chomhairle. 14 Ach ghlac anamhiann iad (9) san fhàsach, agus bhuair (10) iad Dia anns an ionad uaigneach. 15 Agus thug e dhoibh an iarrtus, ach chuir e caoile (11) air an anam. 16 Agus ghabh iad farmad re Maois anns a’ champa, agus re h-Aaron sagart naomh an Tighearna. 17 Dh’fhosgail an talamh, agus shluig e sìos Datan, agus dh’fholuicheadh cuideachd Abiraim. 18 Agus las teine ’nan cuideachd; loisg an lasair suas na droch dhaoine. 19 Rinn iad laogh ann an Horeb, agus shleuchd iad (12) do’n dealbh leaghta. 20 Agus chaochail iad an (1) ghleidheas. (2) orm. (3) mi. (4) mi. (5) Cha d’thug ar sinnseara fa’near. (6) bha iad ceannairceach. (7) thug e orra imeachd. (8) fhocal. (9) loisg iad le h-anamhiann. (10) dhearbh. (11) claoidh, sgrios. (12) rinn iad aoradh. [TD 253] SALM CVI. glòir gu cosamhlachd daimh a dh’itheas feur. 21 Dhi-chuimhnich iad Dia am Fear-saoraidh, a rinn nithe mòra anns an Eiphit, 22 Nithe iongantach ann an tìr Cham, nithe uamhasach aig a’mhuir ruaidh: 23 Uime sin thubhairt e gu’m milleadh (1) e iad, mur bhitheadh gu’n do sheas ’òglach taghta Maois fa chomhair anns a’ bheirn (2), gus a chorruich a thionndadh uatha, chum nach sgriosadh e iad. 24 Agus rinn iad tarcuis air an tìr thaitnich: cha do chreid iad fhocal. 25 Agus rinn iad gearan ’nam bùthaibh (3); agus cha d’éisd iad re guth an Tighearna. 26 An sin thog e a làmh (4) ’nan aghaidh, a thoirt orra tuiteam anns an fhàsach, 27 Agus a thilgeadh sìos an sliochd am measg nan cinneach, agus gu’n sgaoileadh air feadh nan tìr. 28 Mar an ceudna naisg iad iad féin re Baal-peor, agus dh’ith iad ìobairte nam marbh. 29 Agus bhrosnuich iad e le’n gnìomharaibh (5); agus bhris a’ phlàigh a steach orra. 30 An sin sheas Phinehas, agus chuir e breitheanas an gnìomh; agus choisgeadh a’ phlàigh. 31 Agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd, o linn gu linn gu bràth. 32 Chuir iad fearg air mar an ceudna aig uisgibh Mheribah (6); agus dh’éirich olc do Mhaois air an son. 33 Oir bhrosnuich iad a spiorad, air chor as gu’n do labhair e gu h-aithghearr le bhilibh. 34 Cha do sgrios iad na slòigh, mu’n d’thug an Tighearn àithne dhoibh; 35 Ach choimh-mheasg iad iad féin am measg nan cinneach, agus dh’fhòghluim iad an oibre. 36 Agus rinn iad seirbhis d’an ìodholaibh (7), a bha mar ribe dhoibh. 37 Agus dh’ìobair iad am mic agus an nigheana do dheamhnaibh, 38 Agus dhòirt iad fuil neo-chiontach, fuil am mac (8) agus an nighean, a dh’ìobair iad do ìodholaibh Chanaain: agus thruailleadh an tìr le fuil. 39 Agus rinneadh neo-ghlan iad le’n oibribh, agus chaidh iad air strìopachas le’n gnìomharaibh (9). 40 Agus las fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh, agus ghabh e gràin d’a oighreachd. 41 Agus thug e suas iad do làimh nan cinneach; agus bha iadsan a dh’fhuathaich iad, ’nan uachdarain os an cionn. 42 Agus shàruich an naimhdean iad; agus leagadh gu h-ìosal iad fo’n làimh. 43 Iomadh uair shaor e iad; ach bhrosnuich iad e le’n comhairlibh, agus thugadh sìos iad airson an cionta. 44 Gidheadh thug e an àmh- (1) sgriosadh. (2) bheum, bhriseadh. (3) pàilliunaibh, pubullaibh. (4) mhionnaich e. (5) innleachdaibh. (6) uisgibh na comh-stri. (7) diathaibh-bréige. (8) clann mhac. (9) innleachdaibh. [TD 254] SALM CVII. ghar fa’near (1), an uair a chual e an glaodh. 45 Agus chuimhnich e dhoibh a choimhcheangal, agus ghabh e aithreachas a réir lìonmhoireachd a thròcaire (2). 46 Agus fhuair e truas (3) dhoibh an sealladh na muinntir sin a thug leo ’nam braighdibh iad. 47 Saor sinn, a Thighearn ar Dia, agus tionail sinn o mheasg nan cinneach, chum buidheachas (4) a thabhairt do t’ainm naomha-sa, chum caithream (5) a dheanamh ann ad chliu. 48 Gu ma beannuichte an Tighearna Dia Israeil o shìorruidheachd gu sìorruidheachd! agus abradh an sluagh uile, Amen. Molaibhse an Tighearn. SALM CVII. O THUGAIBH buidheachas (6) do’n Tighearn, oir tha e maith, oir gu bràth mairidh a thròcair. 2 Mar so abradh iadsan a shaoradh leis an Tighearn, a shaor e o làimh an nàmhaid; 3 Agus a chruinnich e as na tìribh, o’n aird an ear agus o’n aird an iar, o’n airde tuath agus o’n airde deas (7). 4 Chaidh iad air seacharan anns an fhàsach, ann an ionad uaigneach; slighe (8) gu baile tàimh (9) cha d’fhuair iad. 5 Ocrach agus tartmhor, dh’fhàilnich an anam annta. 6 An sin ghlaodh iad ris an Tighearna ’nan airc, agus as an teanntachdaibh (10) shaor e iad. 7 Agus thrèoraich e iad air slighe cheirt, chum gu rachadh iad gu baile tàimh. 8 O gu moladh daoine Dia airson a mhaitheis (11), agus airson a bhearta iongantach do chloinn nan daoine! 9 Oir shàsuich e an t-anam cìocrach (12), agus lìon e an t-anam ocrach le maith. 10 Iadsan a shuidh ann an dorchadas agus ann an sgàile a’ bhàis, ceangailte ann an truaighe agus an iarrunn, 11 A chionn gu’n d’rinn iad ceannairc an aghaidh bhriathar Dhé, agus gu’n d’rinn iad tàir air comhairle an Ti a’s airde; 12 Aig an do leagadh (13) sìos an cridhe le docair (14): thuit iad, agus cha robh fear-cuideachaidh ann: 13 Ansin ghlaodh iad ris an Tighearna ’nan airc, agus as an teanntachdaibh shaor e iad. 14 Thug e iad a dorchadas agus a sgàile a’ bhàis, agus bhris e o chéile an cuibhreach. 15 O gu moladh daoine an Tighearn air son a mhaitheis, agus air son a bhearta iongantach do chloinn nan daoine! 16 Oir bhris (15) e na geatan umha (16), agus ghearr e sìos na croinn iarruinn. 17 Bha amadain, air son an eusaontais (17) agus air son an eucearta, fo àmhghar (18). 18 Do gach biadh ghabh an anam gràin, agus thàinig iad dlùth do gheataibh bàis. 19 An sin ghlaodh iad ris an (1) dh’amhairc e orra ’nan teinn. (2) a réir saibhreis a ghràis. (3) bàigh, iochd. (4) moladh. (5) uaill. (6) moladh. (7) o’n mhuir ruaidh. Eabh. (8) air slighe uaignich. (9) baile còmhnuidh. (10) àmhgharaibh. (11) a thròcaire. (12) miannach. (13) leag e. (14) saothair. (15) bhrist. (16) praise. (17) le slighe an eusaontais. Eabh. (18) air an cràdh. [TD 255] SALM CVII. Tighearna ’nan airc, agus as an teanntachdaibh shaor e iad. 20 Chuir e fhocal uaith, agus shlànuich e iad; agus shaor e iad o sgrios (1). 21 O gu moladh daoine an Tighearn airson a mhaitheis, agus airson a bhearta iongantach do chloinn nan daoine! 22 Agus gu’n ìobradh iad ìobairte buidheachais, agus gu’n cuireadh iad an céill a ghnìomhara le luathghaire! 23 Iadsan a théid sìos do’n fhairge air longaibh, a ni obair air uisgibh mòra, 24 Chi iadsan gnìomhara an Tighearna, agus a bhearta iongantach (2) san doimhne. 25 Oir labhraidh e, agus dùisgidh e a’ ghaoth dhoinionnach, agus togaidh i a tonna (3). 26 Théid iad suas do na nèamhaibh, théid iad sìos do na doimhneachdaibh; le h-àmhghar leaghaidh an anam. 27 Théid iad thuige (4) agus uaith, agus tuislichidh iad mar dhuine air mhisg; agus théid as d’an céill uile (5). 28 An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna ’nan airc, agus as an teanntachdaibh bheir e iad. 29 Cuiridh e an doinionn gu fèith; agus bithidh a tonna ’nan tàmh. 30 An sin bithidh iad ait a chionn gu’m bi iad sàmhach; agus bheir e iad do’n chaladh a’s miannach leo. 31 O gu moladh daoine an Tighearn air son a mhaitheis, agus air son a bhearta iongantach do chloinn nan daoine! 32 Agus gu’n ardaicheadh iad e ann an coimhthional an t-sluaigh, agus ann an àite-suidhe (6) nan seanair gu moladh iad e! 33 Ni e aibhniche ’nam fàsach, agus tobair uisge ’nan talamh tartmhor (7). 34 Fearann beartach ni e fàs (8), air son aingidheachd a luchd-àiteachaidh. 35 Ni e fàsach ’na linne uisge, agus fearann tioram ’na thobraichibh uisge. 36 Agus an sin bheir e air na h-ocraich còmhnuidh a ghabhail; agus deasaichidh iad baile tàimh (9). 37 Agus sìol-chuiridh iad achanna, agus suidhichidh iad fion-liosan; agus bheir iad toradh pailt (10) uatha. 38 Agus beannuichidh se iad, agus fàsaidh iad ro-lìonmhor; agus cha lughdaich e an spréidh. 39 Ach ma pheacaicheas iad, lughdaichear agus leigear sìos iad le foirneart, olc (11), agus doilgheas. 40 Dòirtidh e tarcuis air ard-uaislibh (12), agus cuiridh e air seacharan iad ann am fàsach as eugmhais slighe. 41 Agus togaidh e suas am bochd o thruaighe (13), agus ni e teaghlaichean dha mar threud. 42 Chi na fireana so, agus (1) o shlochdaibh truaillidheachd. (2) iongantais-san. (3) tonna na fairge. (4) chuige. (5) sluigear suas an ciall uile, teirgidh an seòltachd uile. (6) cruinneachaidh. (7) tioram, cruaidh. (8) goirt, bochd, gun toradh. (9) chum còmhnuidh ann. (10) toradh an cinneis. (11) le foirneart an uilc, le sàruchadh uilc. (12) uachdaranaibh, prionnsaibh. (13) àmhghar. [TD 256] SALM CVIII. CIX. bithidh iad ait; agus druididh gach euceart a beul. 43 Cò a ta glic, agus a bheir fa’near na nithe sin? tuigidh esan caoimhneas gràdhach (1) an Tighearna. SALM CVIII. Laoidh no Salm le Daibhidh. THA mo chridhe deas, a Dhé; seinnidh mi agus molaidh mi, eadhon le m’ ghlòir (2). 2 Mosgail, a shaltair agus a chlàrsach: mosglaidh mi féin moch air mhaduinn. 3 Molaidh mi thu am measg nan sluagh, a Thighearn, agus seinnidh mi dhuit am measg nan cinneach. 4 Oir is mòr do thròcair oscionn nan nèamh; agus tha t’fhìrinn gu ruig na neula. 5 Bi air t’ardachadh os cionn nan nèamh, a Dhé; agus os cionn na talmhainn uile biodh do ghlòir. 6 Chum gu teasairgear iadsan a’s ionmhuinn leat, saor thusa dheas led’ dheas làimh, agus éisd rium (3). 7 Labhair Dia ’na naomhachd: ni mi aoibhneas, roinnidh mi Sechem, agus tomhaisidh mi gleann Shucoit. 8 Is leamsa Gilead, is leam Manaseh; agus is e Ephraim neart mo chinn, Iudah fear-tabhairt mo lagha. 9 Is e Moab mo shoitheach-ionnlaid; oscionn Edoim tilgidh mi mo bhròg: thar Palestin ni mi caithreim. 10 Cò bheir mi do’n bhaile dhaingnichte? cò threòraicheas mi gu h-Edom? 11 Nach tusa, a Dhé? thusa a thilg uait sinn, agus nach deachaidh a mach (4), a Dhé, le ar n-armailtibh? 12 Thoir còmhnadh dhuinn ann an airc; oir is dìomhain furtachd duine. 13 Trìd Dhé (5) ni sinn treubhantas; oir saltraidh esan sìos ar naimhdean. SALM CIX. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. A Dhé mo chliu, na bi a’d’ thosd. 2 Oir tha beul an aingidh, agus beul na ceilge fosgailte a’m’ aghaidh; labhair iad a’m’ aghaidh le teangaidh nam breug. 3 Agus le briathraibh fuatha chuairtich iad mi; agus chog iad a’m’ aghaidh gun aobhar. 4 An éiric mo ghràidh tha iad naimhdeil dhomh, agus mi re h-ùrnuigh. 5 Agus dhìol iad dhomh olc an éiric maith, agus fuath an éiric mo ghràidh. 6 Cuir an t-aingidh os a chionn (6), agus seasadh Satan aig a dheas làimh. 7 ’Nuair a bheirear breth air, faighear ciontach e (7), agus biodh ’ùrnuigh dha ’na peacadh. 8 Biodh a laithean tearc, agus glacadh neach eile a dhreuchd (8). (1) caomh thròcairean. (2) Faic Salm LVII. r. 7. &c. (3) Faic Salm LX. r. 6. &c. (4) An do thilg thu uait sinn? agus nach d’théid thu mach? Faic Salm LX. r. 10. (5) Ann an Dia. Eabh. (6) “Cuir an t-aingidh,” ars’ iadsan, “os a chionn, &c. (7) thigeadh binn’ a mach ’na aghaidh. (8) a chùram. Faic Gniomh. Caib. I. r. 20. [TD 257] SALM CIX. 9 Biodh a chlann ’nan dìlleachdain (1), agus a bhean ’na bantraich. 10 A ghnàth air seacharan biodh a chlann, agus iarradh iad déirc; agus sireadh (2) iad as an àitibh fàs. 11 Glacadh fear nam fiach gach ni a ta aige, agus creachadh coigrich a shaothair. 12 Na biodh neach ann a ni tròcair air (3), agus na biodh aon ann a ghabhas truas d’a chloinn gun athair. 13 Sgrios gu robh air a shliochd: san àl a thig ’na dhéigh, gu cuirear as d’a ainm (4). 14 Air chuimhne biodh aingidheachd ’aithriche aig an Tighearn, agus na cuirear as (5) peacadh a mhàthar. 15 Biodh iad am fianuis an Tighearna a ghnàth; agus gearradh e as an cuimhne o’n talamh. 16 A chionn nach do chuimhnich e tròcair a nochdadh, ach gu’n do gheur-lean e an duine bochd agus uireasbhuidheach, agus aig an robh cridhe goirt, chum a mharbhadh. 17 Mar a ghràdhaich e mallachadh, thigeadh e air: mar nach robh tlachd aige ann am beannachadh, biodh e fad uaith. 18 Mar a chuir e mallachadh uime mar ’eudach (6), thigeadh e steach mar uisge ’na chom, agus mar ola ’na chnàmhaibh. 19 Biodh e dha mar an trusgan leis an còmhdaichear e, agus mar an crios leis an crioslaichear e a ghnàth. 20 Is e so obair m’eascairdean anlàthair an Tighearna (7), agus nan daoine a labhras olc anaghaidh m’anama. 21 Ach dean thusa air mo shon, a Thighearna Dhé, air sgàth t’ainme; a chionn gu bheil do thròcair maith, saor thusa mi. 22 Oir tha mi bochd (8) agus uireasbhuidheach, agus tha mo chridhe air a lotadh an taobh a stigh dhiom. 23 Mar sgàile a’ claonadh sìos tha mi a’ siubhal; tha mi air m’fhuadachadh mar an locust. 24 Tha mo ghlùinean lag le trosgadh, agus tha m’fheoil a’ teireachduinn le dìth sulta. 25 Agus tha mi a’m’ aobhar maslaidh dhoibh: ’nuair a sheall iad orm, chrath iad an cinn. 26 Cuidich leam, a Thighearna mo Dhia; saor mi a réir do thròcaire: 27 Chum gu’m bi fios aca gur i so do làmh, gur tusa, a Thighearn, a rinn e. 28 Malluicheadh iadsan, ach beannuich thusa: ’nuair a dh’éireas iad, biodh nàire orra; ach biodh t’òglachsa ait. 29 Biodh m’eascairdean air an còmhdachadh le nàire, agus biodh iad air am folachadh le’n amhluadh féin, mar le falluing. 30 Ard-mholaidh mi an Tighearna lem’ bheul; agus am measg na mòr-chuideachd bheir mi cliu dha. 31 Oir seasaidh e aig deas làimh an duine bhochd, chum a shaoradh o luchd-dìtidh (9) ’anama. (1) gun athair. (2) tilgear a mach. (3) a shìneas tròcair thuige. (4) d’an ainm. (5) glanar as, dubhar as. (6) a chulaidh. (7) duais m’eascairdean o’n Tighearna. (8) truagh. (9) bhreitheamhnaibh. [TD 258] SALM CX. CXI. CXII. SALM CX. Salm le Daibhidh. THUBHAIRT an Tighearna re m’ Thighearna, Suidh aig mo dheas làimh, gus an cuir mi do naimhdean ’nan stòl fo d’ chosaibh. 2 Slat-shuaicheantais do chumhachd cuiridh an Tighearn a mach a Sion: bi thusa a’d’ uachdaran am meadhon do naimhde. 3 Bithidh do shluagh ro-thoileach ann an latha do chumhachd: ann am maise na naomhachd, mar an drùchd o bholg na maidne, bithidh t’òigridh agad (1). 4 Mhionnaich an Tighearn, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu bràth, a réir orduigh Melchisedeic. 5 Buailidh (2) an Tighearn, a ta aig do dheas làimh, righrean ann an latha fheirge. 6 Bheir e breth am measg nan cinneach; lìonaidh e gach àit le corpaibh marbha; lotaidh e an t-uachdaran (3) os cionn iomadh tìr. 7 Do’n t-sruth air an t-slighe òlaidh e; uime sin togaidh e suas a cheann. SALM CXI. MOLAIBHSE an Tighearna. Bheir mise cliu do’n Tighearna le m’ uile chridhe, ann an coinneamh nam firean, agus anns a’ choimhthional. 2 Tha gnìomharan an Tighearna mòr; rannsaichear iad leo-san uile aig am bheil tlachd annta. 3 Urramach agus glòrmhor tha obair-san; agus mairidh fhìreantachd gu bràth. 4 Chuir e a ghnìomharan iongantach air chuimhne: gràsmhor agus truacanta tha an Tighearna. 5 Thug e lòn (4) doibhsan d’an eagal e: cuimhnichidh e gu bràth a choimhcheangal. 6 Chuir e neart ’oibre an céill d’a shluagh, le oighreachd nan cinneach a thabhairt doibh. 7 Is iad firinn agus ceartas gnìomharan a làmh; is fior (5) àitheanta-san uile. 8 Seasmhach tha iad gu saoghal nan saoghal, deanta ann am firinn agus an ceartas. 9 Chuir e saorsa dh’ionnsuidh a shluaigh, dh’àithn e a choimhcheangal gu bràth: is naomh agus urramach ainm-san. 10 Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; tha deagh thuigse aca-san uile a ni àitheanta-san (6): mairidh a chliu gu bràth. SALM CXII. MOLAIBHSE an Tighearn. Is beannuichte an duine air am bi eagal an Tighearna, a ghabhas tlachd mòr d’a àitheantaibh. 2 Làidir anns an tìr bithidh a shliochd; beannuichear ginealach nam firean. 3 Bithidh maoin agus saibhreas ’na thigh; agus mairidh fhìreantachd gu bràth. 4 Ann an dorchadas éiridh solus do na fireanaibh: gràsmhor agus làn truacantais, agus cothromach tha [an Tighearna (7).] (1) roimh reult na maidne ghin mi thu. (2) Lotaidh. (3) an ceann. Eabh. (4) biadh. (5) cinnteach, seasmhach. (6) a ghnàthaicheas e, i.e. eagal an Tighearna; a ni iad. Eabh. (7) Faic Salm CXI. r. 4. [TD 259] SALM CXIII. CXIV. CXV. 5 Is maith do’n duine a bhios truacanta agus coingheallach (1), a riaghlas a ghnothuiche gu ceart (2): 6 Oir gu bràth cha ghluaisear e; air chuimhne gu bràth bithidh am firean. 7 Roimh dhroch sgeul cha bhi eagal air; tha a chridhe suidhichte, ag earbsadh as an Tighearna. 8 Tha a chridhe air a shocrachadh, cha bhi eagal air, gus am faic e crìoch a naimhdean (3). 9 Sgaoil e, thug e do na bochdaibh; mairidh fhìreantachd gu bràth; mairidh ’adharc le h-urram. 10 Chi an droch dhuine, agus bithidh fearg air; casaidh e fhiaclan, agus seargaidh e as: sgriosar miann nan aingidh. SALM CXIII. MOLAIBHSE an Tighearna. Molaibh, O sibhse òglacha an Tighearna, molaibh ainm an Tighearna. 2 Gu ma beannuichte ainm an Tighearna, o’n àm so agus gu bràth. 3 O éirigh na gréine gu ruig a luidhe, is ionmholta ainm an Tighearna. 4 Ard oscionn nan cinneach uile tha an Tighearn, oscionn nan nèamh a ghlòir. 5 Cò is cosmhuil ris an Tighearn ar Dia, a tha ’na chòmhnuidh shuas (4)? 6 A dh’ìslicheas e féin gu amharc air na nithibh a ta sna nèamhaibh, agus air an talamh? 7 Togaidh e am bochd o’n duslach; o’n òtrach ardaichidh e an t-ainnis; 8 Chum a chur ’na shuidhe le ard uaislibh (5), le ard uaislibh a shluaigh. 9 Bheir e air a’ mhnaoi a ta gun sliochd còmhnuidh a ghabhail ann an tigh, ’na màthair ait cloinne. SALM CXIV. MOLAIBHSE an Tighearna. ’Nuair a thàinig Israel a mach as an Eiphit, tigh Iacoib o shluagh coimheach (6), 2 Bha Iudah dha mar a chòmhnuidh naomh, Israel mar a thighearnas. 3 Chunnaic an cuan, agus theich e; thionndaidh Iordan air a h-ais. 4 Leum na beannta mar reitheacha, na cnuic mar uain. 5 Ciod, a chuain, a thug ort teicheadh? a Iordain, a thug ort tionndadh air t’ais? 6 A bheannta, a thug oirbh leum mar reitheacha; a chnoca, mar uain? 7 Criothnuich, a thalaimh, an làthair an Tighearna, an làthair Dhé Iacoib! 8 A thionndaidheas a’ charraig gu linne uisge, an ailbhinn (7) gu tobar uisge! SALM CXV. TABHAIR glòir, a Thighearna, cha’n ann duinne, cha’n ann duinne, ach do t’ainm féin, airson do thròcaire agus airson t’fhìrinne. (1) Bithidh an duine maith bàigheil agus coingheallach. (2) ann am breitheanas. Eabh. (3) gus an amhairc e air ’eascairdibh. Faic. Salm XCII. r. 11. (4) a dh’ardaicheas e féin gu còmhnuidh a ghabhail. Eabh. (5) maithibh, prionnsaibh. (6) o shluagh le teangaidh choimhich. (7) a’ chlach-theine. [TD 260] SALM CXVI. 2 C’arson a theireadh na cinnich, C’àit a nis am bheil an Dia? 3 Ach a ta ar Dia-ne anns na nèamhaibh, agus rinn e gach ni a b’àill leis. 4 Is airgiod agus òr an ìodhoil-san, obair làmha dhaoine. 5 Tha béil aca, ach cha labhair iad; sùilean aca, ach cha’n fhaic iad. 6 Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad; sròinean aca, ach cha ghabh iad fàile (1). 7 Tha làmhan aca, ach cha laimhsich iad; cosan (2) aca, ach cha’n imich iad; agus cha labhair iad trìd an scornain. 8 Cosmhuil riu féin tha iadsan a ni iad, agus gach neach a dh’earbas asda. 9 Earbaidh tigh Israeil (3) as an Tighearn: is esan an còmhnadh (4), agus an sgiath. 10 Earbaidh tigh Aaroin (5) as an Tighearn: is esan an còmhnadh, agus an sgiath. 11 Iadsan (6) air am bi eagal an Tighearna, earbaidh iad (7) as an Tighearn: is esan an còmhnadh agus an sgiath. 12 Bha an Tighearna cuimhneach oirnn: beannuichidh e sinn, beannuichidh e tigh Israeil, beannuichidh e tigh Aaroin. 13 Beannuichidh e iadsan air am bi eagal an Tighearna, na big agus na mòir. 14 Cuiridh an Tighearna sibh an lìonmhoireachd, sibh féin agus bhur clann. 15 Is beannuichte sibhse o’n Tighearn, a rinn na nèamha agus an talamh. 16 Is leis an Tighearna na nèamha, eadhon na neamha (8); ach an talamh thug e do chloinn nan daoine. 17 Cha mhol na mairbh an Tighearna, no iadsan uile a théid sìos tosdach do’n uaigh. 18 Ach beannuichidh sinne an Tighearn, o’n àm so agus gu bràth. Molaibhse an Tighearna. SALM CXVI. IS toigh leam an Tighearn, oir dh’éisd e re guth m’athchuingean (9). 2 A chionn gu’n d’aom e a chluas rium, uime sin re’m’ bheo éighidh mi ris. 3 Chuairtich doilgheasan (10) a’ bhàis mi, agus ghlac piantan ifrinn mi: fhuair mi teinn agus bròn. 4 An sin ghairm mi air ainm an Tighearna: A Thighearna, guidheam ort, saor m’anam. 5 Is gràsmhor an Tighearn, agus cothromach; agus is tròcaireach ar Dia-ne. 6 Gleidhidh an Tighearna na daoine aon-fhillte (11): dh’ìslicheadh mi, agus theasairg e mi. 7 Pill, O m’anam, gu d’ shuaimhneas (12), oir bhuin an Tighearna riut gu fial. 8 Oir shaor thu (13) m’anam o’n bhàs, mo shùil o dheuraibh, agus mo chos o shleamhnachadh. 9 Gluaisidh mi am fianuis an Tighearna ann an tìr nam beo. 10 Chreid mi, uime sin labhair mi (14); chlaoidheadh mi gu mòr. (1) àile. (2) casan. (3) O Israeil, earb thusa. (4) am fear-cuideachaidh. (5) A thigh Aaroin, earb. (6) Sibhse. (7) earbaibh. (8) nèamha nan nèamh. (9) re m’ ghuth agus re m’ athchuingibh. (10) ioghanna, pianta. (11) simplidh, neo-chronail. (12) gu d’ fhois. (13) shaor e. (14) Faic II. Cor. Caib. IV. r. 13. [TD 261] SALM CXVII. CXVIII. 11 Thubhairt mi a’m’ dheifir, Tha gach duine breugach. 12 Ciod a dh’ìocas mi do’n Tighearn airson ’uile thiodhlaca dhomh? 13 Glacaidh mi cupan na slàinte, agus gairmidh (1) mi air ainm an Tighearna. 14 Iocaidh mi mo bhòidean do’n Tighearna, a nis an làthair a shluaigh uile. 15 Is luachmhor an sealladh an Tighearna bàs a naomh. 16 O a Thighearn, gu deimhin is mi (2) t’òglach, is mi t’òglach, mac do bhan-oglaich; sgaoil thu mo chuibhreach. 17 Dhuitse ìobraidh mi ìobairt molaidh (3), agus air ainm an Tighearna gairmidh mi. 18 Iocaidh mi mo bhòidean do’n Tighearn a nis an làthair a shluaigh uile, 19 Ann an cùirtibh tighe an Tighearna, ann ad mheadhon-sa, o Ierusalem. Molaibhse an Tighearna. SALM CXVII. MOLAIBH an Tighearna, sibhse a chinneacha uile; molaibh e, a shlòigh uile: 2 Oir is mòr a thròcair chaomh (4) d’ar taobh-ne; agus mairidh firinn an Tighearna gu bràth. Molaibhse an Tighearna. SALM CXVIII. O THUGAIBH buidheachas (5) do’n Tighearn, oir tha e maith, oir gu bràth mairidh a thròcair: 2 Abradh Israel a nis, gu mair a thròcair gu bràth. 3 Abradh tigh Aaroin a nis, gu mair a thròcair gu bràth. 4 Abradh iadsan a nis d’an eagal an Tighearna, gu mair a thròcair gu bràth. 5 Ann an teinn ghairm mi air an Tighearn: fhreagair an Tighearna mi, gam’ chur ann an ionad farsaing. 6 Tha’n Tighearna leam (6), cha’n eagal leam ciod a dh’fheudas duine a dheanamh orm. 7 Tha’n Tighearn am measg mo luchd-cuideachaidh, agus chi mi crìoch mo luchd-fuatha (7). 8 Is fearr earbsadh as an Tighearna, na earbsadh a duine. 9 Is fearr earbsadh as an Tighearna, na earbsadh a h-uachdaranaibh (8). 10 Chuairtich na cinnich gu léir mi; ach ann an ainm an Tighearna gearraidh mi as (9) iad. 11 Chuairtich iad mi, seadh, chuairtich iad mi; ach ann an ainm an Tighearna gearraidh mi as iad. 12 Chuairtich iad mi mar bheachaibh; cuirear as iad mar theine droighnich; oir ann an ainm an Tighearna gearraidh mi as iad. 13 Thug thu (10) ionnsuidh dhian orm, chum mo leagadh; ach chuidich an Tighearna leam. 14 Is e ’n Tighearna mo neart, agus mo cheòl (11); agus is e mo shlainte. 15 Tha guth gairdeachais agus (1) goiridh. (2) a chionn gur mi. (3) buidheachais. (4) a ghràs. (5) moladh. (6) am measg mo luchd-cuideachaidh. (7) Faic Salm CXII. r. 8. (8) prionnsaibh. (9) ghearr mi as, sgrios mi. (10) Thugadh. (11) mo laoidh, fath mo mholaidh. [TD 262] SALM CXIX. slàinte ann am pàilliunaibh nam firean: rinn deas làmh an Tighearna treubhantas! 16 Dh’ardaicheadh deas làmh an Tighearna; rinn deas làmh an Tighearna treubhantas! 17 Cha’n fhaigh mi bàs, ach mairidh mi beo, agus cuiridh mi’n céill oibre an Tighearna. 18 Throm-smachdaich an Tighearna mi; ach gu bàs cha d’thug e thairis mi. 19 Fosglaibh dhomh geatachan an ionracais; théid mi steach orra, agus molaidh mi an Tighearna. 20 Is e so geatadh an Tighearna, air an d’théid na fireana steach. 21 Molaidh mi thu, oir dh’éisd thu rium, agus is tu mo shlàinte. 22 A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh i ’na cloich-chinn na h-oisinne. 23 O’n Tighearna tha so; is iongantach e ’nar sùilibh-ne! 24 Is e so an là a rinn (1) an Tighearna: deanamaid gairdeachas, agus biomaid ait air. 25 Guidheamaid (2) ort, a Thighearna, saor a nis; guidheamaid ort, a Thighearna, soirbhich leinn a nis. 26 Beannuichte gu robh an Ti a thig an ainm an Tighearna; thug sinne beannachd oirbhse o thigh an Tighearna. 27 Is e Dia a’s Tighearn ann, agus dhealraich e oirnn (3): ceanglaibh an ìobairt (4) le cordaibh, eadhon re adharcaibh na h-altaire. 28 Is tusa mo Dhia, agus molaidh mi thu. mo Dhia, ardaichidh mi thu. 29 O thugaibh buidheachas do’n Tighearn, oir tha e maith, oir gu bràth mairidh a thròcair! SALM CXIX. א Aleph. IS beannuichte iadsan a tha neo-lochdach (5) san t-slighe, a dh’imicheas ann an lagh an Tighearna. 2 Is beannuichte iadsan a ghleidheas a theisteis, a dh’iarras e le’n uile chridhe. 3 Mar an ceudna cha dean iad aingidheachd: ’na shlighibh imichidh iad. 4 Dh’àithn thu t’orduighean (7) a bhi air an coimhead gu dìcheallach. 5 O nach robh mo cheumanna air an stiùradh, chum do reachdan a choimhead! 6 An sin cha ghabh mi nàire, an uair a bheir mi spéis do t’àitheantaibh gu léir. 7 Molaidh mi thu le tréibhdhireas cridhe, ’nuair a dh’fhòghlumas mi breitheanais do cheartais. 8 Coimhididh mi do reachda: O na tréig mi gu tur! ב Beth. 9 Ciod leis an glan an t-òganach a shlighe? trìd faicill, a réir t’fhocail (8). 10 Le m’uile chridhe dh’iarr mi thu: na leig dhomh dol air seacharan o t’àitheantaibh. 11 A’m’ chridhe dh’fholuich mi t’fhocal, chum nach peacaichinn a’t’ aghaidh. 12 Is beannuichte thusa, a (1) dh’orduich. (2) Guidheam. (3) thug e solus dhuinn. (4) an t-uan. (5) ionraic, iomlan. (6) fhianuisean. (7) do reachdan. (8) le d’ bhriathran a choimhead. [TD 263] SALM CXIX. Thighearna; teagaisg dhomh do reachdan. 13 Le m’ bhilibh chuir mi an céill uile bhreitheanais do bhéil. 14 Ann an slighe do theisteas rinn mi gairdeachas, mar os cionn gach uile shaibhreis. 15 Air t’àitheantaibh beachd-smuainichidh mi, agus dearcaidh (1) mi air do cheumannaibh. 16 Ann ad reachdaibh gabhaidh mi tlachd; cha di-chuimhnich mi do bhriathra. ג Gimel. 17 Buin gu fial re t’òglach, chum gu bi mi beo, agus gu coimhid mi do bhriathra. 18 Fosgail mo shùilean, chum gu faic mi nithe iongantach o d’ lagh. 19 Is coigreach air talamh mi; na ceil orm t’àitheanta. 20 Tha m’anam brùite, le déidh air do bhreitheanasaibh gach tràth. 21 Smachduich thu na h-uaibhrich: is malluichte iadsan a théid air seacharan o t’àitheantaibh (2). 22 Tionndaidh uam masladh agus tàir; oir ghléidh mi do theisteis. 23 Shuidh eadhon uachdarain, agus labhair iad a’m’ aghaidh; ach bheachd-smuainich t’òglach air do reachdaibh. 24 Mar an ceudna is iad do theisteis mo thlachd, mo chomhairlichean. ד Daleth. 25 Tha m’anam a’ leantuinn ris an ùir (3): beothaich mi a réir t’fhocail. 26 Chuir mi an céill mo shlighean, agus dh’éisd thu rium: teagaisg dhomh do reachdan. 27 Thoir orm slighe t’àitheantan (4) a thuigsinn, agus labhraidh mi air t’oibribh iongantach. 28 Tha m’anam a’ leaghadh as le tuirse (5): neartaich mi a réir t’fhocail. 29 Cuir uam slighe nam breug, agus gu gràsmhor deònaich dhomh do lagh. 30 Roghnaich (6) mi slighe na na firinn; chuir mi do bhreitheanais fam’ chomhair. 31 Dhlùth-lean mi re d’ theisteasaibh: a Thighearna, na cuir gu nàire mi. 32 Ann an slighe t’àitheanta ruithidh mi, ’nuair a chuireas tu mo chridhe am farsaingeachd. ה He. 33 Teagaisg dhomh, a Thighearna, slighe do reachda, agus gleidhidh mi i gu ruig a’ chrìoch (7). 34 Thoir tuigse dhomh, agus gleidhidh mi do lagh; seadh, coimhididh mi e le m’uile chridhe. 35 Thoir orm triall an ceum t’àitheanta; oir ann-san tha mo thlachd. 36 Lùb mo chridhe gu d’ theisteasaibh, agus ni h-ann gu sannt. 37 Tionndaidh mo shùilean o amharc air dìomhanas; ann ad shlighibh (8) beothaich mi. (1) geur-amhaircidh. (2) Faic Deut. Caib. XXVII. r. 26. (3) duslach. (4) t’orduighean. (5) bròn. (6) Thagh. (7) gu crìch mo shaoghail. (8) shlighe. [TD 264] SALM CXIX. 38 Daingnich t’fhocal do t’òglach, air am bheil t’eagal-sa (1). 39 Cuir uam (2) mo mhasladh a’s eagal leam; oir tha do bhreitheanais maith. 40 Feuch, is miannach leamsa do reachdan (3): a’d’ cheartas beothaich mi. ו Vau. 41 Agus thigeadh do thròcair a m’ionnsuidh, a Thighearn, do shlàinte a réir t’fhocail: 42 An sin bithidh freagradh agam dhasan a bheir masladh dhomh, gu bheil m’earbsadh as t’fhocal-sa. 43 Agus na buin focal na firinn gu h-iomlan as mo bheul; oir ann ad bhreitheanasaibh chuir mi mo dhòchas. 44 Agus coimhididh mi do lagh a ghnàth, gu suthain is gu sìor. 45 Agus gluaisidh mi am farsaingeachd (4); a chionn gu’n iarr mi do reachda. 46 Agus labhraidh mi air do theisteis anlàthair righre, agus cha bhi nàire orm. 47 Agus gabhaidh mi tlachd do t’àitheantaibh, d’an d’thug mi gràdh. 48 Agus togaidh mi mo làmha re t’àitheantaibh, d’an d’thug mi gràdh; agus beachd-smuainichidh mi air do reachdaibh. ז Zain. 44 Cuimhnich am focal (5) do t’òglach, as an d’thug thu orm earbsadh. 50 Is e so mo chomhfhurtachd ann am àmhghar; oir bheothaich t’fhocal mi. 51 Rinn na h-uaibhrich fanoid orm gu mòr; gidheadh o d’ lagh cha do chlaon mi. 52 Chuimhnich mi do bhreitheanais o chian, a Thighearna, agus fhuair mi comhfhurtachd. 53 Ghlac uamhann mi a thaobh nan daoine aingidh, a thréigeas do lagh. 54 B’iad do reachdan mo cheòl ann an tigh mo chuairt. 55 Chuimhnich mi t’ainm, a Thighearn, anns an oidhche, agus ghléidh mi do lagh. 56 Mar so tharladh (6) e dhomhsa, a chionn gu’n do ghléidh mi do reachda. ח Cheth. 57 Is tusa mo chuibhrionn, a Thighearna: thubhairt mi gu coimhidinn t’fhocail. 58 Dh’asluich mi do dheadh-ghean (7) le m’uile chridhe: dean tròcair orm a réir t’fhocail. 59 Chnuasaich mi (8) mo shlighean, agus phill mi mo chosa re d’ theisteasaibh. 60 Rinn mi deifir (9), agus cha robh mi mairnealach (10), chum t’àitheantan a choimhead. 61 Chreach buidhnean dhroch dhaoine mi; ach cha do dhi-chuimhnich mi do lagh. 62 Mu mheadhon-oidhche, éiridh mi, chum buidheachas a thoirt duit airson bhreitheanasa do cheartais. 63 Is fear-comuinn (11) mi dhoibhsan uile air am bi t’eagal, (1) a bhios a chum t’eagail-sa. (2) Tionndaidh uam. (3) t’orduighean. (4) gu saor. (5) t’fhocal. (6) thachair, bha e. (7) do ghnùis. Eabh. (8) Mheas, bheachd-smuainich mi air. (9) cabhag. (10) cha do chuir mi dàil. (11) companach, caidreach. [TD 265] SALM CXIX. agus dhoibhsan a ghleidheas do reachda. 64 Do d’ thròcair, a Thighearna, tha’n talamh làn: teagaisg dhomh do reachdan. ט Teth. 65 Rinn thu gu maith do t’òglach, a Thighearn, a réir t’fhocail. 66 Teagaisg dhomh deagh thuigse agus eòlas; oir chreid mi t’àitheanta. 67 Mun robh mi ann an àmhghar (1), chaidh mi air seacharan; ach anis tha mi a’ gleidheadh t’fhocail. 68 Is maith thusa, agus ni thu maith: teagaisg dhomh do reachdan. 69 Dhealbh na h-uaibhrich breug a’m’ aghaidh; ach gleidhidh mise t’àitheanta (2) le m’uile chridhe. 70 Co reamhar (3) re saill tha an cridhe-san; ach ann ad lagh tha mo thlachd-sa. 71 Is maith dhomhsa gu’n robh mi ann an àmhghar, chum gu fòghlumainn do reachda. 72 Is fearr dhomhsa lagh do bhéil, na mìltean do òr agus do airgiod. י Iod. 73 Rinn agus dhealbh do làmhan mi: thoir tuigse dhomh, chum gu fòghlum mi t’àitheantan. 74 Chi iadsan air am bi t’eagal mi, agus bithidh iad ait, a chionn gu’n d’earb mi as t’fhocal. 75 Tha fhios agam, a Thighearna, gu bheil do bhreitheanais ceart, agus gur ann am firinn a chlaoidh thu mi. 76 Biodh a nis do thròcair chaomh chum comhfhurtachda dhomh, a réir t’fhocail re t’òglach. 77 Thigeadh do chaomh thròcairean a m’ ionnsuidh, chum gu’m bi mi beo; oir is e do lagh mo thlachd. 78 Biodh nàire air luchd an ardain, oir gun aobhar (4) bhuin iad gu fiar rium; ach beachd-smuainichidh mise air t’àitheantaibh (5). 79 Pilleadh iadsan air am bheil t’eagal rium, agus iadsan a tha eòlach air do theisteasaibh. 80 Biodh mo chridhe tréibhdhireach (6) ann ad reachdaibh, chum nach nàraichear mi. כ Caph. 81 Tha m’anam air a chlaoidh le déigh air do shlàinte: ann ad fhocal chuir mi mo dhòchas. 82 Tha mo shùilean air an caitheadh le feitheamh re t’fhocal, ’nuair a ta mi ag ràdh, C’uin a ni thu furtachd orm? 83 Oir tha mi mar shearraig (7) ann an deataich; gidheadh cha do dhi-chuimhnich mi do reachda. 84 Cia lìon iad laithean t’òglaich? c’uin a chuireas tu breitheanas an gnìomh orra-san a tha’n tòir orm? 85 Chladhaich na h-uaibhrich sluichd dhomh, nach ’eil a réir do lagha. 86 Is firinn t’àitheanta-sa gu léir: gu fealltach tha iad an tòir orm; cuidich thusa leam. (1) teinn. (2) do reachdan, t’orduighean. (3) tiugh. (4) gu fealltach. (5) t’orduighibh, do riaghailtibh. (6) ionraic, iomlan. (7) shoire-craicinn. [TD 266] SALM CXIX. 87 Is beag nach do chuir iad as domh air talamh; ach cha do thréig mise do reachda. 38 A réir do chaomh thròcaire beothaich thusa mi, agus gleidhidh mi teisteas do bhéil. ל Lamed. 89 Gu bràth, a Thighearn, tha t’fhocal seasmhach anns na nèamhaibh. 90 O linn gu linn tha t’fhìrinn: dhaingnich thu an talamh, agus seasaidh e. 91 A réir t’orduighean tha iad buan gus an diugh; oir is iad na h-uile do sheirbhisich. 92 Mur bhiodh gu’m b’e do lagh mo thlachd, ansin gheibhinn bàs a’m’ àmhghar. 93 Gu bràth cha di-chuimhnich mi do reachdan; oir leo-san bheothaich thu mi. 94 Is leat mise, saor mi; oir dh’iarr mi do reachda. 95 Dh’fheith na h-aingidh orm, chum mo sgrios; ach beachd-smuainichidh mise air do theisteasaibh. 96 Chunnaic mi crìoch gach iomlaine: tha t’àithne-sa ro-fharsaing. מ Mem. 97 O cia h-ionmhuinn leam do lagh-sa? gach là is e mo smuainteachadh (1). 98 Le t’àithne (2) rinn thu mi ni’s glice na m’eascairdean; oir tha i a ghnàth leam. 99 Oscionn mo luchd-teagaisg uile tha mi a’ tuigsinn; oir is iad do theisteis mo smuainteachadh. 100 Oscionn nan seanair tha mi crìonna, a chionn gu bheil mi a’ gleidheadh do reachda. 101 O gach droch shlighe chum mi mo chosan, chum gu coimhidinn t’fhocal. 102 O d’ bhreitheanasaibh cha do chlaon mi; oir theagaisg thusa mi. 103 Cia milis le m’ bhlas do bhriathra! ni’s milse tha iad na mil do m’ bheul (3). 104 Trìd do reachdan fhuair mi tuigse: uime sin is fuathach leam gach slighe bhreugach. נ Nun. 105 Is lòchran t’fhocal do m’ chois, agus solus do m’ cheum. 106 Mhionnaich mi, agus coimhlionaidh mi e, gu’n coimhid mi breitheanais do cheartais. 107 Tha mi ann an àmhghar ro-mhòr: ath-bheothaich mi, a Thighearn, a réir t’fhocail. 108 Gabh uam gu taitneach, guidheam ort, a Thighearna, saor thabhartais mo bhéil; agus teagaisg dhomh do bhreitheanais. 109 Tha m’anam a ghnàth a’m’ làimh; gidheadh cha do dhi-chuimhnich mi do lagh. 110 Chuir droch dhaoine ribe (4) romham; ach o d’ reachdaibh cha deachaidh mise air seacharan. 111 Ghabh mi do theisteis mar oighreachd gu bràth; oir is iad aoibhneas mo chridhe. 112 Dh’aom mi mo chridhe chum do reachdan a chur an gnìomh a ghnàth, gu ruig a’ chrìoch. ס Samech. 113 Is fuath leam smuainte faoin; ach is toigh leam do lagh. (1) aobhar mo smuainte. (2) t’àitheantaibh. (3) dom’ chàirean. (4) lìon. [TD 267] SALM CXIX. 114 Is tusa m’ionad-foluich, agus mo sgiath: as t’fhocal-sa tha m’earbsa. 115 Imichibh uam, a luchd-deanamh an uilc; oir gleidhidh mise àitheanta mo Dhé. 116 Cum suas mi a réir t’fhocail, agus mairidh mi beo; agus na leig fo nàire mi a thaobh mo dhòchais. 117 Daingnich (1) mi, agus bithidh mi tèaruinte; agus bithidh tlachd agam ann ad reachdaibh (2) a ghnàth. 118 Shaltair thu orra-san uile a chaidh air seacharan o d’ reachdaibh; oir is breug (3) an cealg. 119 Mar shal tilgidh tu uait (4) uile dhroch dhaoine na talmhainn: uime sin is toigh leam do theisteis. 120 Chriothnuich m’fheoil le h-uamhunn romhad; agus bha eagal orm roimh do bhreitheanasaibh. ע Ain. 121 Rinn mi breitheanas agus ceartas: na fàg mi do m’ luchd-foirneirt. 122 Bi-sa an urras air t’òglach chum maith: na deanadh na h-uaibhrich foirneart orm. 123 Tha mo shùilean air an caitheadh le bhi sealltuinn: airson do shlàinte, agus airson focail t’fhìreantachda (5). 124 Buin re t’òglach a réir do thròcaire, agus teagaisg dhomh do reachda. 125 Is mi t’òglach; thoir tuigse dhomh, chum gu’m bi eòlas agam air do theisteasaibh. 126 Is mithich dhuit, a Thighearn, a bhi deanamh: bhris iad do lagh. 127 Uime sin is annsa (6) leamsa t’àitheanta na’n t-òr, seadh, na’n t-òr fior-ghlan. 128 Uime sin measam do reachdan uile [a thaobh gach ni] a bhi ceart: is fuathach leam gach slighe bhreugach. פ Pe. 129 Is iongantach do theisteis: air an aobhar sin gleidhidh m’anam iad. 130 Bheir fosgladh do bhriathar solus, a’ teagasg nan daoine aon-fhillte (7). 131 Dh’fhosgail mi mo bheul, a’ ploscartaich; oir bha mi an geall air t’àitheantaibh. 132 Amhairc orm, agus dean tròcair orm, mar is gnàth leat a dheanamh dhoibhsan le’n ionmhuinn t’ainm. 133 Stiuir mo cheumanna a réir t’fhocail; agus na biodh aig euceart sam bith uachdaranachd orm. 134 Teasairg mi o fhoirneart dhaoine (8); agus coimhididh mi t’orduighean. 135 Thoir air do ghnùis dealrachadh air t’òglach, agus teagaisg dhomh do reachda. 136 Ruith srutha dheur (9) sìos o m’ shùilibh, a chionn nach do choimhid iad do lagh. (1) Neartaich, cum suas. (2) dearcaidh mi air do reachdaibh. (3) dìomhain. (4) cuiridh tu as do. (5) do cheartais. (6) ionmhuinne. (7) simplidh. (8) duine. (9) uisgeacha. Eabh. [TD 268] SALM CXIX. צ Tsaddi. 137 Is cothromach thusa, a Thighearn, agus is ceart do bhreitheanas (1). 138 Dh’àithn thu do theisteis mar cheartas agus mar fhìrinn mhòir (2). 139 Chlaoidh m’eud mi (3), a chionn gu’n do dhi-chuimhnich mo naimhdean do bhriathran. 140 Ro-ghlan tha t’fhocal-sa, agus is ionmhuinn le t’òglach e. 141 Beag agus suarach a ta mi; gidheadh cha di-chuimhnich mi do reachda. 142 Is ceartas sìorruidh do cheartas-sa, agus is firinn do lagh. 143 Ghlac teinn agus àmhghar mi; ach is iad t’àitheanta mo thlachd. 144 Mairidh ceartas do theisteas gu bràth: thoir-sa tuigse dhomh, agus bithidh mi beo. ק Koph. 145 Ghlaodh mi lem’ uile chridhe; éisd rium, a Thighearna: gleidhidh mi do reachda. 146 Ghlaodh mi riut; saor mi, agus coimhididh mi do theisteis. 147 Thàinig mi roimh ’n scarthanaich (4), agus dh’èigh mi: as t’fhocal dh’earb mi. 148 Ghabh mo shùilean roimh fhairibh na h-oidhche, chum gu beachd-smuainichinn air t’fhocal. 149 Eisd rem’ ghuth a réir do chaoimhneis-ghràidh: a Thighearn, a réir do bhreitheanais beothaich mi. 150 Thàinig luchd-leanmhuinn droch-bheirt am fagus: ach fada bha iad o d’ lagh. 151 Am fagus tha thusa, a Thighearn; agus is firinn t’àitheantan uile. 152 O thoiseach (5) b’fhiosrach mi a thaobh do theisteas, gu’n do shuidhich thu iad gu bràth. ר Resh. 153 Amhairc air m’àmhghar, agus teasairg mi; oir cha do dhi-chuimhnich mi do lagh. 154 Tagair mo chùis, agus saor mi; a réir t’fhocail beothaich mi. 155 Is fada slàinte (6) o dhroch dhaoinibh; oir cha’n iarr iad do reachda. 156 Is lìonmhor (7) do chaomh thròcairean, a Thighearna: a réir do bhreitheanas (8) beothaich mi. 157 Is lìonmhor mo luchd-tòrachd agus m’eascairdean; gidheadh, o d’ theisteasaibh cha do chlaon mise. 158 Chunnaic mi luchd-eusaontais (9), agus bha doilgheas orm, a chionn nach do choimhid iad t’fhocal. 159 Feuch, is ionmhuinn leam do reachda: a Thighearn, a réir do chaoimhneis-ghràidh beothaich thusa mi. 160 O thoiseach (10) is firinn t’fhocal-sa, agus gu bràth mairidh uile bhreitheanais do cheartais. ש Schin. 161 Bha uachdarain an tòir orm gun aobhar: ach roimh (1) bhreitheanais. (2) a ta ceart agus ro-fhìrinneach. (3) Chuir mo theas-ghràdh as domh. (4) bhriseadh na fàire, chamhair. (5) O cheann fada. (6) saorsa. (7) mòr. (8) bhreitheanais. (9) daoine fealltach. (10) Gu h-iomlan. [TD 269] SALM CXX. CXXI. t’fhocal-sa tha eagal air mo chridhe. 162 Tha aiteas orm re t’fhocal-sa, mar neach a fhuair creach mhòr. 163 Is fuath leam, agus is oillteil leam breug; ach is toigh leam do lagh-sa. 164 Seachd uairean san là bheiream moladh dhuit, airson bhreitheanas do cheartais. 165 Is mòr sìth na muinntir a tha toirt gràidh do d’ lagh, agus cha’n éirich aobhar tuislidh dhaoibh. 166 Dh’fheith mi re d’ shlàinte, a Thighearn; agus rinn mi t’àitheanta. 167 Choimhid m’anam do theisteis, agus is ro-ionmhuinn leam iad. 168 Choimhid mi do reachdan agus do theisteis; oir tha mo shlighean uile fa d’ chomhair. ת Tau. 169 Thigeadh mo ghlaodh am fagus a’d’ làthair, a Thighearn: a réir do bhriathair thoir tuigse dhomh. 170 Thigeadh m’asluchadh a’d’ làthair: a réir t’fhocail teasairg mi. 171 Cuiridh mo bhilean an céill do chliu, ’nuair a theagaisgeas tu dhomh do reachdan. 172 Aithrisidh mo theanga t’fhocal; oir is ceartas t’àitheantan uile. 173 Cuidicheadh do làmh leam; oir roghnaich mi do reachda. 174 Bha mi ’n geall air do shlàinte, a Thighearn; agus is e do lagh mo thlachd. 175 Biodh m’anam beo, agus molaidh e thu: agus cuidicheadh do bhreitheanais leam. 176 Chaidh mi air seacharan mar chaoraich chaillte; iarr t’òglach,oir cha do dhi-chuimhnich mi t’àitheanta. SALM CXX. Laoidh nan ceum. A’M’ éigin ghlaodh mi ris an Tighearn, agus dh’éisd e rium. 2 A Thighearna, saor m’anam o bhilibh nam breug, o’n teangaidh chealgaich. 3 Ciod a bheirear dhuit? agus ciod a nithear ort, a theanga chealgach? 4 Geur shaighde laoich, le eibhlibh do’n aiteal. 5 Mo thruaighe mi, gu bheil mi air chuairt ann am Mesech, gu bheil mi a’m’ chòmhnuidh ann am bùthaibh Chedair! 6 Is fada ghabh m’anam còmhnuidh leo-san (1) a thug fuath do shìth. 7 Tha mise airson sìth; ach ’nuair a labhras mi, tha iadsan airson cogaidh. SALM CXXI. Laoidh nan ceum. TOGAIDH mi mo shùile chum nam beann, o’n d’thig mo chabhair. 2 Thig mo chabhair o’n Tighearn, a rinn nèamh agus talamh. 3 Cha leig e le d’ chois sleamhnachadh: cha tuit clò codail air t’fhear-coimhid (2). 4 Feuch, cha tuit clò codail (3) no suain air fear-coimhid Israeil. (1) leis-san. (2) fhear-gleidhidh. (3) dùsal, turra-chodal. [TD 270] SALM CXXII. CXXIII. CXXIV. 5 Is e an Tighearna t’fhear-coimhid: is e an Tighearna do sgàile air do làimh dheis. 6 San là cha bhuail (1) a’ ghrian thu, no a’ ghealach san oidhche. 7 Coimhididh an Tighearn thu o gach olc; coimhididh (2) e t’anam. 8 Coimhididh an Tighearna do dhol a mach, agus do theachd a steach, o’n àm so eadhon gu bràth. SALM CXXII. Laoidh nan ceum, le Daibhidh. BHA aoibhneas orm an uair a thubhairt iad rium, Do thigh an Tighearna théid sinn. 2 Seasaidh ar cosan an taobh a stigh do d’ gheataibh (3), O Ierusalem. 3 Tha Ierusalem air a togail mar chathair (4), a tha air a coimhcheangal re chéile; 4 D’an d’théid na treubha suas, treubhan an Tighearna, gu teisteas Israeil, a thoirt buidheachais do ainm an Tighearna. 5 Oir an sin tha caithriche breitheanais air an suidheachadh, caithriche tighe Dhaibhidh. 6 Guidhibhse airson sìth Ierusaleim: soirbhichidh iadsan leis an ionmhuinn thu. 7 Sìth gu robh an taobh a stigh do d’ bhallaibh, suaimhneas (5) a’d’ lùchairtibh! 8 Air sgàth mo bhràithrean agus mo chairdean their mi nis, Sìth gu robh an taobh a stigh dhiot! 9 Air sgàth tighe an Tighearna ar Dé, iarraidh mi maith duit. SALM CXXIII. Laoidh nan ceum. A T’IONNSUIDH thog mi mo shùilean, O thusa a tha d’ chòmhnuidh anns na nèamhaibh. 2 Feuch, mar a ta sùilean òglach air làimh am maighstirean, agus mar a ta sùilean banoglaich air làimh a banamhaighstir, mar sin tha ar sùile-ne air an Tighearn ar Dia, gus an dean e tròcair oirnn. 3 Dean tròcair oirnn, a Thighearna, dean tròcair oirnn; oir tha sinn air ar lìonadh làn do tharcuis (6). 4 Lìonadh ar n-anam làn le fanoid luchd na seasgaireachd (7), le tarcuis nan uaibhreach. SALM CXXIV. Laoidh nan ceum, le Daibhidh. MUR biodh an Tighearna leinn, abradh Israel a nis. 2 Mur biodh an Tighearna leinn, an uair a dh’éirich daoine ’nar n-aghaidh; 3 An sin shluigeadh iad beo sinn, an uair a las am fearg ’nar n-aghaidh; 4 An sin thigeadh tuiltean uisgeacha tharuinn, rachadh an sruth thar ar n-anam; 5 An sin rachadh na h-uisgeachan uaibhreach thar ar n-anam. 6 Beannuichte gu robh an (1) loisg. (2) gleidhidh. (3) ann ad gheataibh. (4) ard-bhaile. (5) soirbheas, soirbheachadh. (6) dhìmeas. (7) sàmhachair, suaimhneis, fois. [TD 271] SALM CXXV. CXXVI. CXXVII. CXXVIII. Tighearna, nach d’thug sinn mar chreich d’am fiaclaibh. 7 Chaidh ar n-anam as mar eun a ribe nan eunadair; bhriseadh an ribe, agus chaidh sinn as. 8 Tha ar cabhair ann an ainm an Tighearna, a rinn nèamh agus talamh. SALM CXXV. Laoidh nan ceum. BITHIDH iadsan a dh’earbas as an Tighearna mar shliabh (1) Shioin, nach carruichear, ach a mhaireas gu sìorruidh. 2 Mar ata na beannta mu thimchioll Ierusaleim, mar sin tha’n Tighearna mu thimchioll a shluaigh, o’n àm so agus gu bràth. 3 Oir cha ghabh slat nan daoi (2) tàmh air crannchur nam firean, air eagal gu’n sìneadh na fireana an làmha chum euceirt. 4 Dean maith, a Thighearna, dhoibhsan a ta maith, agus dhoibhsan a ta ionraic ’nan cridhe. 5 Ach iadsan a théid a thaobh d’an slighibh claon, iomainidh an Tighearn a mach le luchd-deanamh an uilc. Sìth gu robh air Israel! SALM CXXVI. Laoidh nan ceum. ’NUAIR a thug an Tighearn air ais braighdeanas Shioin, bha sinn mar dhaoine a chunnaic aisling. 2 An sin lìonadh ar beul le gàire, agus ar teanga le luathghaire (3): an sin thubhairt iad am measg nan cinneach, Rinn an Tighearna nithe mòra air an son. 3 Rinn an Tighearna nithe mòra air ar soin-ne: bha sinn aoibhneach. 4 Pill a rìs, a Thighearn, ar braighdeanas, mar shruthaibh san airde deas. 5 Iadsan a chuireas sìol le deuraibh, buainidh iad le gairdeachas. 6 Esan a théid a mach, agus a ghuileas, ag iomchar roghadh sìl (4), gu cinnteach thig e a rìs le gairdeachas, ag iomchar a sguab. SALM CXXVII. Laoidh nan ceum, le Solamh. MUR tog an Tighearn an tigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd-togail: mur gléidh an Tighearn am baile, gu dìomhain ni am fear-coimhid faire. 2 Is dìomhain duibhse bhi ’g éirigh gu moch, a bhi suidhe gu h-anmoch, ag itheadh arain a’ bhròin; ’nuair a bheir esan codal d’a sheircin (5). 3 Feuch, is iad clann oighreachd an Tighearna, toradh na bronn a dhuais. 4 Mar shaighdibh ann an làimh gaisgich, mar sin tha mic na h-òige. 5 Is sona am fear aig am bheil a bholg-saighead làn diubh: cha bhi nàire orra, ’nuair a labhras iad r’an naimhdibh anns a’ gheatadh. SALM CXXVIII. Laoidh nan ceum. IS beannuichte gach neach air am bi eagal an Tighearna, a ghluaiseas ’na shlighibh. 2 Oir ithidh tu toradh do làmh: sona bithidh tu, agus éiridh gu maith dhuit. (1) bheinn. (2) nan aingidh; na h-aingidheachd. Eabh. (3) seinn, ceòl. (4) sìl luachmhoir. (5) do fhear a ghràidh. [TD 272] SALM CXXIX. CXXX. CXXXI. CXXXII. 3 Bithidh do bhean mar fhìonain tharbhaich re taobhaibh do thighe, do chlann mar òg chroinn-olaidh mu thimchioll do bhuird. 4 Feuch, mar so beannuichear an duine, air am bi eagal an Tighearna. 5 Beannuichidh an Tighearn thu a Sion, agus chi thu maith Ierusaleim rè uile laithean do bheatha. 6 Seadh, chi thu clann do chloinne, agus sìth air Israel. SALM CXXIX. Laoidh nan ceum. IS minic a chràidh iad mi o m’òige, abradh Israel a nis. 2 Is minic a chràidh iad mi o m’òige; gidheadh cha d’thug iad buaidh orm. 3 Air mo dhruim threabh an luchd-treabhaidh; tharruing iad an scrìoban fada. 4 Tha an Tighearna cothromach: ghearr e o chéile cuird nan aingidh. 5 Cuirear gu h-amhluadh, agus pillear air an ais iadsan uile le’m fuathach Sion. 6 Bithidh iad mar fheur air mullach thighean, a sheargas mum fàs e suas: 7 Leis nach lìon am buanuiche a ghlac, no fear-ceangail nan sguab a bhrollach (1). 8 Ni mò their iadsan a bhios a’ dol seachad riu, Beannachd an Tighearna gu robh oirbh: tha sinn ’gar beannachadh ann an ainm an Tighearna. SALM CXXX. Laoidh nan ceum. O NA doimhneachdaibh ghlaodh mi riut, a Thighearna. 2 A Thighearn, éisd re m’ ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’athchuingean. 3 Ma chomharaicheas tusa aingidheachd, a Thighearna; a Thighearna, cò a sheasas. 4 Ach agadsa tha maitheanas; agus uime sin bithidh eagal air daoinibh romhad. 5 Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus ’na fhocal tha mo dhòigh. 6 Tha m’anam a’ feitheamh air an Tighearna ni’s mò na luchd-faire na maidne, seadh, na luchd-faire na maidne. 7 Earbadh Israel as an Tighearna; oir aig an Tighearna tha tròcair, agus aige-san tha mòr shaorsa; 8 Agus saoraidh e Israel o ’euceartaibh gu léir. SALM CXXXI. Laoidh nan ceum, le Daibhidh. A THIGHEARNA, cha ’n’eil mo chridhe uaibhreach, no mo shùilean arda; agus cha do ghabh mi gnothuch re nithibh mòra, no re nithibh arda air mo shon. 2 Gu deimhin shocraich agus chiuinich mi m’anam, mar leanabh a chuireadh o chìch a mhàthar: mar leanabh a chuireadh o’n chìch tha m’anamsa. 3 Earbadh Israel as an Tighearna, o’n àm so agus gu bràth. SALM CXXXII. Laoidh nan ceum. CUIMHNICH, a Thighearn, air Daibhidh, agus air ’uile àmhghar: 2 Mar a mhionnaich e do’n (1) uchd, achlais. [TD 273] SALM CXXXIII. CXXXIV. Tighearn, a bhòidich e do Dhia treun Iacoib, ag ràdh, 3 Gu deimhin cha d’théid mi do phàilliun mo thighe, cha d’théid mi suas air mo leabaidh; 4 Cha d’thoir mi codal do m’ shùilibh, no suain do m’ rosgaibh (1), 5 Gus am faigh mi àit do’n Tighearn, ionad-còmhnuidh do Dhia treun Iacoib. 6 Feuch, chuala sinn uime aig Ephrata; fhuair sinn e ann am machairibh na coille (2). 7 Théid sinn a steach d’a phàilliunaibh; sleuchdaidh sinn aig stòl a choise. 8 Eirich, a Thighearna, gud’ thàmh, thu féin agus àirc do neirt. 9 Sgeadaichear do shagairt le h-ionracas, agus deanadh do naoimh luathghaire. 10 Air sgàth Dhaibhidh t’òglaich, na cuir air a h-ais aghaidh t’Aoin ungta. 11 Mhionnaich an Tighearna do Dhaibhidh am firinn; cha phill e uaith: Do thoradh do chuirp suidhichidh mi air do righ-chaithir. 12 Ma choimhideas do chlann mo choimhcheangal agus mo theisteas, a theagaisgeas mi dhoibh, suidhidh mar an ceudna an clann-san air do righ-chaithir gu bràth. 13 Oir ròghnuich an Tighearna Sion; mhiannuich e i mar ionad-còmhnuidh dha féin, ag ràdh, 14 Is i so mo shuaimhneas gu sìorruidh: an so gabhaidh mi còmhnuidh, oir mhiannuich mi i. 15 Beannuichidh mi gu mòr a lòn (3); sàsuichidh mi a bochdan le h-aran. 16 Eudaichidh mi a sagairt le slàinte; agus ni a naoimh ard luathghaire. 17 An sin bheir mi air adharc Dhaibhidh fàs: dh’orduich mi lòchran do m’ Aon ungta. 18 Eudaichidh mi a naimhdean le nàire: ach air féin thig a choron fo (4) bhlàth. SALM CXXXIII. Laoidh nan ceum, le Daibhidh. FEUCH, cia maith agus cia taitneach an ni, do bhàithribh còmhnuidh a ghabhail cuideachd ann an aonachd! 2 Mar dheadh oladh-ungaidh air a’ cheann, a ruith sìos air an fheusaig, feusaig Aaroin, a ruith sìos air iomall a thrusgain; 3 Mar dhealt air Hermon, a thuiteas air sléibhtibh (5) Shioin (6): oir an sin dh’àithn an Tighearn am beannachadh, beatha gu sìorruidh. SALM CXXXIV. Laoidh nan ceum. FEUCH, beannuichibh an Tighearna, sibhse òglacha an Tighearna gu léir, a sheasas ann an tigh an Tighearna gach oidhche. 2 Togaibh bhur làmha anns an ionad naomha (7), agus beannuichibh an Tighearna. 3 Beannuicheadh an Tighearn thu a Sion, a rinn nèamh agus talamh. (1) do fhàbhraidhibh mo shùl. (2) Iaar. Eabh. (3) teachd-an-tìr. (4) fuidh. (5) sliabh. (6) Shihoin. Faic. Deut. Caib. IV. r. 48. (7) le naomhachd. [TD 274] SALM CXXXV. CXXXVI. SALM CXXXV. MOLAIBH an Tighearna, molaibh ainm an Tighearna, molaibhse, òglacha an Tighearna; 2 Sibhse a sheasas ann an tigh an Tighearna, ann an cùirtibh tighe ar Dé. 3 Molaibh an Tighearn, oir tha’n Tighearna maith: seinnibh cliu d’a ainm, oir tha e taitneach. 4 Oir ròghnaich an Tighearna Iacob dha féin, Israel mar ’ionmhas sònruichte. 5 Oir tha fios agam gur mòr an Tighearn, agus gu bheil ar Tighearn os cionn nan uile dhé. 6 Ge b’e ni bu toil leis an Tighearna rinn e air nèamh agus air talamh, anns na cuantaibh,agus anns na doimhneachdaibh uile. 7 Is esan a bheir air a’ cheò dol suas o chrìch na talmhainn; a ni dealanach le h-uisge; a bheir a mach a’ ghaoth as ’ionadaibh-tasgaidh; 8 A bhuail ceud-ghin na h-Eiphit, araon duine agus ainmhidh; 9 A chuir comharan agus iongantasan ann ad mheadhon, O Eiphit, air Pharaoh agus air ’òglachaibh gu léir; 10 A bhuail cinnich mhòra, agus a mharbh righre mòra, 11 Sihon righ nan Amorach, agus Og righ Bhasain, agus uile rioghachda Chanaain, 12 Agus a thug am fearann mar oighreachd,mar oighreachd do Israel a shluagh. 13 Mairidh t’ainmsa, a Thighearna, gu bràth; do chuimhne, a Thighearna, o linn gu linn. 14 Oir bheir an Tighearna breth air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a thaobh a sheirbhiseach. 15 Is airgiod agus òr ìodhoil (1) nan cinneach, obair làmha dhaoine. 16 Tha beul aca, ach cha labhair iad; sùilean aca, ach cha’n fhaic iad. 17 Tha cluasan aca, ach cha chluinn iad: ni mò a tha anail ’nam beul. 18 Cosmhuil riu fein tha iadsan a ni iad, gach neach a dh’earbas asda. 19 A thigh Israeil, beannuichibh an Tighearn; a thigh Aaroin, beannuichibh an Tighearn. 20 A thigh Lebhi, beannuichibh an Tighearn: sibhse air am bheil eagal an Tighearna, beannuichibh an Tighearn. 21 Beannuichte gu robh an Tighearn as Sion, aig am bheil a chòmhnuidh ann an Ierusalem. Molaibhse an Tighearn. SALM CXXXVI. O THUGAIBH buidheachas do’n Tighearn, oir tha e maith; oir gu bràth mairidh a thròcair. 2 Thugaibh buidheachas do Dhia nan dia; oir gu bràth mairidh a thròcair. 3 Thugaibh buidheachas do Thighearna nan tighearna; oir gu bràth mairidh a thròcair. 4 Dha-san ’na aonar a ni iongantasan mòra; oir gu bràth mairidh a thròcair: (1) dealbha. [TD 275] SALM CXXXVII. 5 Dha-san a rinn na nèamha le gliocas; oir gu bràth mairidh a thròcair: 6 Dha-san a shìn an talamh os cionn nan uisge; oir gu bràth mairidh a thròcair. 7 Dha-san a rinn soluis mhòra; oir gu bràth mairidh a thròcair: 8 A’ ghrian a riaghladh an latha (1); oir gu bràth mairidh a thròcair: 9 A’ ghealach agus na reultan a riaghladh na h-oidhche; oir gu bràth mairidh a thròcair: 10 Dha-san a bhuail na h-Eiphitich (2) ’nan ceud-ghinibh; oir gu bràth mairidh a thròcair: 11 Agus a thug a mach Israel as am meadhon; oir gu bràth mairidh a thròcair: 12 Le làimh thréin, agus le gairdean sìnte mach; oir gu bràth mairidh a thròcair: 13 Dha-san a roinn a’ mhuir ruadh ’na roinnibh (3); oir gu bràth mairidh a thròcair: 14 Agus a thug air Israel dol trìd a meadhoin; oir gu bràth mairidh a thròcair: 15 Ach a thilg Pharaoh agus ’armailt bun os cionn anns a’mhuir ruaidh; oir gu bràth mairidh a thròcair: 16 Dha-san a threòraich a shluagh trìd an fhàsaich: oir gu bràth mairidh a thròcair: 17 Dha-san a bhuail righre mòra; oir gu bràth mairidh a thròcair: 18 Agus a mharbh righre treuna; oir gu bràth mairidh a thròcair: 19 Sihon righ nan Amorach; oir gu bràth mairidh a thròcair: 20 Agus Og righ Bhasain; oir gu bràth mairidh a thròcair: 21 Agus a thug am fearann mar oighreachd; oir gu bràth mairidh a thròcair: 22 Mar oighreachd do Israel òglach féin; oir gu bràth mairidh a thròcair: 23 A chuimhnich oirnn ’nar staid ìosail; oir gu bràth mairidh a thròcair: 24 Agus a shaor sinn o ar naimhdibh; oir gu bràth mairidh a thròcair: 25 A tha tabhairt bìdh do gach feoil; oir gu bràth mairidh a thròcair. 26 O thugaibh buidheachas do Dhia nan nèamh; oir gu bràth mairidh a thròcair. SALM CXXXVII. LAIMH re aibhnichibh Bhabiloin, an sin shuidh, agus ghuil sinn,an uair a chuimhnich sinn air Sion. 2 Air na crannaibh seilich ’na meadhon chroch sinn ar clàrsaichean. 3 Oir ansin dh’iarr iadsan a thug am braighdeanas sinn, òran oirnn; agus dh’iarr iadsan a rinn fògaraich dhinn (4) aoibhneas oirnn, ag ràdh, Seinnibh dhuinn aon do laoidhibh Shioin. 4 Cionnus a sheinneas sinne laoidh an Tighearna ann an tìr choimhich? 5 Ma dhi-chuimhnicheas mise thusa, a Ierusalem, di-chuimhneachadh mo làmh dheas a seòltachd. 6 Leanadh mo theanga re m’ ghial (5), mur cuimhnich mi ort, (1) san latha. (2) an Eiphit. (3) ’na h-earrannaibh. (4) a chreach, a chlaoidh sinn. (5) chàirean. [TD 276] SALM CXXXVIII. CXXXIX. mur fearr leam Ierusalem na m’aoibhneas a’s airde. 7 Cuimhnich, a Thighearna, clann Edoim, ann an latha Ierusaleim, a thubhairt, Leagaibh, leagaibh (1) sìos i gu ruig a bunait. 8 A nighean Bhabiloin, a lom-sgriosar (2), is sona esan a dhìolas dhuitse, a réir mar a rinn thu oirnne. 9 Is sona esan a ghlacas agus a phronnas do chlann bheag ris na clachaibh. SALM CXXXVIII. Salm le Daibhidh. MOLAIDH mi thu, a Thighearna, le m’uile chridhe; an làthair nan dé seinnidh mi cliu dhuit. 2 Sleuchdaidh mi aig do theampull (3) naomha, agus molaidh mi t’ainm air son do chaoimhneis-gràidh, agus airson t’fhìrinne; oir dh’ardaich thu t’fhocal os cionn t’ainme uile. 3 San là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi a’m’ anam le treoir. 4 Molaidh uile righre na talmhainn thu, a Thighearna, ’nuair a chluinneas iad briathra do bheoil: 5 Agus seinnidh iad ann an slighibh an Tighearna; oir is mòr glòir an Tighearna. 6 Ge h-ard an Tighearna, gidheadh seallaidh e air an iriosal; ach aithnichidh e an t’uaibhreach fad as. 7 Ge do ghluais mi ann am meadhon àmhghair (4), ath-bheothaichidh tu mi; anaghaidh corruich mo naimhde sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheas làmh mi. 8 Coimhlionaidh an Tighearn air mo shon: mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth: na tréig oibre do làmh. SALM CXXXIX. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. A THIGHEARNA, rannsaich (5) thu mi, agus is aithne dhuit mi. 2 Is aithne dhuit mo shuidhe agus m’éirigh; tuigidh tu mo smuainte fad as. 3 Chuairtich thu mo cheum agus mo luidhe sìos, agus air mo shlighibh gu léir is fiosrach thu. 4 Oir feuch, cha ’n’eil focal air mo theangaidh, a Thighearna, nach aithne dhuit gu léir. 5 Am dhéigh, agus romham, chuairtich thu mi (6), agus chuir thu do làmh orm. 6 Is ro-iongantach an t-èolas so air mo shon: tha e ard; cha ruig mi air. 7 C’àit an d’théid mi o d’ spiorad? agus c’àit an teich mi o d’ ghnùis (7)? 8 Ma théid mi suas do nèamh, tha thu’n sin; ma ni mi mo leabadh ann an ifrinn (8), feuch, tha thu’n sin. 9 Ma ghabhas mi sgiatha na maidne, agus gu còmhnuich mi ann an ionadaibh iomallach na fairge; 10 Eadhon an sin stiùraidh do (1) Rùisgibh, rùisgibh. (2) dh’fhàsaichear. (3) a làimh do theampuill. (4) teinn, trioblaid. (5) dh’fhidir. (6) dhealbh thu mi. (7) fhianuis, làthaireachd. (8) anns an ionad a’s ìochdaraiche, anns an uaigh. [TD 277] SALM CXL. làmh mi, agus cumaidh do dheas làmh mi. 11 Ma their mi, Gu deimhin folaichidh an dorchadas mi, bithidh an oidhche féin mar sholus mu’n cuairt orm. 12 Cha’n fholaich eadhon an dorchadas uaitsa, ach dealraichidh an oidhche mar an latha: is ionann an dorchadas agus an solus duitse. 13 Oir ghabh thu sealbh air m’airnibh: dh’fholuich thu mi ann am broinn mo mhàthar. 14 Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach t’oibre-sa, agus is ro-fhiosrach m’anam air sin. 15 Cha d’fholaicheadh mo chorp (1) uait an uair a rinneadh mi an dìomhaireachd, a dhealbhadh mi gu h-iongantach ann an ionadaibh ìochdarach na talmhainn. 16 Chunnaic do shùilean mo cheud-fhàs an-abuich, agus ann ad leabhar scrìobhadh sìos mo bhuill uile, a dhealbhadh re h-ùine, gun aon diubh fathast ann. 17 O cia luachmhor leamsa do smuainte-sa, a Dhé? cia mòr an uibhir (2)? 18 Nan àirmhinn iad, is lìonmhoire iad na a’ ghaineamh: ’nuair a dhùisgeas mi, tha mi a ghnàth maille riutsa. 19 Gu cinnteach, a Dhé, marbhaidh tusa an t-aingidh: uime sin, a dhaoine fuileachdach, imichibh uam: 20 Oir labhair iad a’t’ aghaidh gu h-aingidh; thug do naimhde t’ainm an dìomhanas. 21 Nach ’eil mi tabhairt fuath, a Thighearna, dhoibhsan a tha toirt fuath dhuitse? agus nach ’eil mi gabhail gràin dhiubhsan a tha ’g éirigh suas a’ t’ aghaidh? 22 Le fuath iomlan tha mi toirt fuath dhoibh: mar naimhde measam iad (3). 23 Rannsuich mi, a Dhé, agus aithnich mo chridhe: dearbh mi, agus tuig mo smuainte. 24 Agus amhairc am bheil slighe olc air bith annam, agus treòruich mi anns an t-slighe shìorruidh. SALM CXL. Do’n ard fhear-ciuil. Salm le Daibhidh. TEASAIRG mi a Thighearn, o’n droch dhuine; o fhear na foireigne gléidh mi; 2 A tha smuaineachadh aimhleis ’nan cridhe; cruinnichidh iad gach là (4) chum cogaidh. 3 Gheuraich iad an teanga, mar theangaidh nathrach; tha nimh na nathrach fo’m bilibh. Selah. 4 Gléidh mi, a Thighearn, o làmhaibh nan aingidh, o fhear an fhoirneirt dìon mi, le’m b’àill mo cheumanna thilgeadh bun os cionn. 5 Dh’fholuich na h-uaibhrich ribe dhomh, agus cuird; sgaoil iad lìon re taobh na slighe; leag iad ceapa-tuislidh dhomh. Selah. 6 Thubhairt mi ris an Tighearn, Is tu mo Dhia: éisd, a Thighearna, re guth m’athchuingean. 7 A Iehobhah, a Thighearna, neart mo shlàinte; dh’fholuich (1) neart. (2) an cunntas ceann, an àireamh. (3) tha iad agam. Eabh. (4) a ghnàth. [TD 278] SALM CXLI. CXLII. thu mo cheann ann an latha catha. 8 Na deònuich, a Thighearna, miannan an aingidh, na soirbhich le ’ais-innleachd, air eagal gu’n ardaich siad iad féin. Selah. 9 A thaobh nan daoine a chuairtich mi, còmhdaicheadh (1) aimhleas am bilean féin iad. 10 Tuiteadh eibhlean teine orra, san teine tilgear iad; ann an slochdaibh domhain, chum nach éirich iad a rìs. 11 Na daingnichear fear-labhairt uilc air an talamh: sealgaidh olc air fear an fhoirneirt, chum a sgrios. 12 Tha fhios agam gu’n cum an Tighearna ceartas ris an duine thruagh, còir ris na bochdaibh. 13 Gu dearbh bheir na fireana moladh do t’ainm: gabhaidh na h-ionracain còmhnuidh a’t’ fhianuis. SALM CXLI. Salm le Daibhidh. A THIGHEARN, tha mi ag éigheach riut, greas a m’ ionnsuidh; éisd re m’ ghuth, ’nuair a dh’éigheas mi riut. 2 Cuirear m’ùrnuigh a’d’ làthair, mar thùis; togail suas mo làmh, mar an ìobairt fheasgair. 3 Cuir, a Thighearna, faire air mo bheul; gléidh dorus mo bhilean. 4 Na aom mo chridhe gu ni olc air bith, gu bearta aingidh a chur an gnìomh le luchd-deanamh na h-euceirt: agus na h-itheam féin d’an nithibh milse. 5 Buaileadh am firean mi, is caoimhneas e; agus cronaicheadh e mi, is ola luachmhor e, nach bris mo cheann: oir fathast bithidh m’ùrnuigh mar an ceudna air anson ’nan àmhgharaibh. 6 ’Nuair a thilgear sìos am breitheamhna ann an ionadaibh clachach, éisdidh iad re m’ bhriathraibh, oir tha iad milis. 7 Mar a ghearras agus a sgoilteas neach fiodh air an làr, sgaoileadh ar cnàmhan aig beul na h-uaighe. 8 Ach a t’ ionnsuidh-sa, a Iehobhah, a Thighearna, tha mo shùilean: annadsa chuir mi mo dhòigh; na tréig m’anam (2). 9 Coimhid mi o’n ribe a leag iad dhomh, agus o cheapaibh-tuislidh luchd-deanamh na h-euceirt. 10 Tuiteadh na h-aingidh ’nan lìontaibh féin, am feadh a bhios mise a’ gabhail thairis. SALM CXLII. Maschil le Daibhidh. Urnuigh ’nuair a bha e anns an uaimh. LEM’ ghuth ghlaodh mi ris an Tighearna; le m’ ghuth dh’asluich mi air an Tighearna. 2 Thaom mi mo ghearan ’na làthair; chuir mi ’n céill mo theinn ’na fhianuis. 3 ’Nuair a chlaoidheadh mo spiorad annam, b’ aithne dhuitse mo cheum: san t-slighe air an d’imich mi, dh’fholuich iad ribe dhomh. 4 Dh’amhairc mi air mo làimh dheis, agus feuch, cha robh fear ann d’am b’aithne mi; thréig cabhair mi; cha robh neach ann a dh’fheòraicheadh air son m’anama. 5 Ghlaodh mi riut, a Thigh- (1) còmhdaichidh. (2) na dean m’anam falamh, lom. [TD 279] SALM CXLIII. CXLIV. earna; thubhairt mi, Is tu mo thearmunn (1), mo chuibhrionn ann an tìr nam beo. 6 Thoir an aire do m’ ghlaodh, oir dh’ìslicheadh mi gu mòr; saor mi uatha-san a tha’n tòir orm, oir is treise iad na mi. 7 Thoir m’anam a prìosun, chum gu mol mi t’ainm: cuairtichidh na fireana mi, oir buinidh tu gu fial rium. SALM CXLIII. Salm le Daibhidh. CLUINN m’ùrnuigh, a Thighearn; éisd re m’athchuingibh ann at’fhìrinn, freagair mi ann ad cheartas. 2 Agus na d’thig ann am breitheanas le t’òglach; oir ann at’ fhianuis cha’n fhìreanaichear duine beo air bith. 3 Oir gheur-lean an nàmhaid m’anam, bhuail e mo bheatha sìos gu làr; thug e orm còmhnuidh ghabhail ann an dorchadas, mar iadsan a bha fada marbh. 4 Uime sin chlaoidheadh mo spiorad annam; tha mo chridhe briste an taobh a stigh dhìom. 5 Is cuimhne leam na laithean o chian, tha do ghnìomhara gu léir a’teachd a’m’ aire; tha mi a’ beachd-smuaineachadh air obair do làmh. 6 Shìn mi mo làmhan riutsa: tha m’anam, mar thalamh tartmhor (2), an geall ort. Selah. 7 Eisd rium gu grad, a Thighearna; chaidh as do m’ spiorad: na folaich do ghnùis orm, air eagal gu’m bi mi cosmhuil riu-san a théid sìos do’n t-slochd. 8 Thoir orm do chaoimhneas-gràidh a chluinntinn anns a’ mhaduinn, oir annadsa chuir mi mo dhòigh: thoir orm gu’n aithnich mi an t-slighe anns an còir dhomh imeachd, oir riutsa tha mi togail suas m’anama. 9 Teasairg mi o m’ naimhdibh, a Thighearna: a t’ ionnsuidhsa teichidh mi (3). 10 Teagaisg dhomh do thoil a dheanamh, oir is tu mo Dhia: treòraicheadh do spiorad maith mi gu tìr an ionracais. 11 Air sgàth t’ainme, a Thighearna, beothaich thusa mi: trìd t’fhìreantachd saor m’anam o theinn. 12 Agus trìd do thròcair gearr as mo naimhdean, agus sgrios iadsan uile a tha claoidh m’anama: oir is mi t’òglach. SALM CXLIV. Salm le Daibhidh. BEANNUICHTE gu robh an Tighearna mo charraig (4), a theagaisgeas mo làmha gu cath, mo mheoir gu comhrag: 2 Mo mhaith, agus mo dhaingneach, mo thùr ard, agus m’fhear-saoraidh-sa, mo sgiath, agus an ti as an earb mi; a cheannsaicheas mo shluagh (5) fodham. 3 A Thighearna, ciod e an duine, gu bheil thu a’ gabhail eòlais air? mac an duine, gu bheil meas agad air? 4 Is cosmhuil an duine re dìomhanas: tha a laithean mar sgàile a ghabhas seachad. 5 A Thighearna, lùb do fhlaitheasa, agus thig anuas: (1) mo dhìdean, mo dhòchas. (2) ann an tìr thartmhoir. (3) teichidh mi gu m’fholach. (4) mo neart. (5) mo slòigh. [TD 280] SALM CXLV. bean ris na beanntaibh, agus bithidh deatach dhiubh. 6 Cuir a mach dealanach, agus sgaoil iad; tilg do shaighdean, agus claoidh iad. 7 Sìn uait do làmh o’n airde, saor mi, agus teasairg mi o uisgibh mòra, a làimh cloinne choigreach; 8 Aig am bheil am beul a’ labhairt dìomhanais, agus is i’n deas làmh deas làmh na bréige. 9 A Dhé, seinnidh mi dhuit òran nuadh; air an t-saltair, air inneal-ciuil nan deich teud, seinnidh mi moladh dhuit. 10 Is esan a bheir buaidh (1) do righribh, a shaoras Daibhidh, òglach féin, o’n chlaidheamh mhillteach. 11 Saor mi, agus teasairg mi o làimh cloinne choigreach, aig am bheil am beul a’ labhairt dìomhanais, agus is i’n deas làmh deas làmh na bréige: 12 Chum gu’m bi ar mic mar ùr chroinn a’ fàs suas ’nan òige, ar nigheana mar chlachaibh oisinne, snaidhte a réir cosamhlachda lùchairte. 13 Chum gu’m bi ar saibhlean làn, a’ toirt uatha do gach gnè thoraidh, ar caoraich a’ breith nam mìltean, seadh deich mìltean ’nar machairibh (2); 14 Gu’m bi ar daimh làidir gu h-obair; nach bi briseadh steach ann, no dol a mach; agus nach bi gearan ’nar sràidibh. 15 Is sona an sluagh, a tha san staid (3) so: is sona an sluagh, d’an Dia an Tighearna. SALM CXLV. Laoidh-mholaidh le Daibhidh. ARDAICHIDH mi thu, mo Dhia, mo Righ; agus beannuichidh mi t’ainm gu saoghal nan saoghal. 2 Gach là beannuichidh mi thu, agus molaidh mi t’ainm gu saoghal nan saoghal. 3 Is mòr an Tighearn, agus is ro-airidh e air moladh, agus cha’n fheudar a mhòrachd a rannsachadh. 4 Molaidh àl do àl do ghnìomhara, agus cuiridh iad an céill t’oibre cumhachdacha. 5 Air urram glòire do mhòrachd agus air t’oibribh iongantach labhraidh mi (4). 6 Agus labhraidh daoine (5) air neart do bhearta uamhasach; agus aithrisidh mise (6) do mhòrachd. 7 Cuiridh iad an céill gu pailt cuimhne do mhaitheis mhòir, agus ard-mholaidh iad t’fhìreantachd. 8 Is gràsmhor agus truacanta an Tighearna; mall chum feirge, agus pailt ann an tròcair. 9 Is maith an Tighearna do na h-uile, agus tha a chaomh thròcairean oscionn ’oibre uile. 10 Molaidh t’oibre gu léir thu, a Thighearna; agus beannuichidh do naoimh thu. 11 Air glòir do rioghachd labhraidh iad, agus cuiridh iad an céill do chumhachd: 12 Chum a (7) bhearta iongantach a dheanamh aithnichte (1) slàinte. (2) sràidibh. (3) inbhe, chor. (4) Air urram glòire do mhòrachd labhraidh iad, agus air t’oibribh iongantach beachd-smuainichidh iad. (5) iad. (6) iad. (7) do. [TD 281] SALM CXLVI. CXLVII. do chloinn nan daoine, agus glòir mòralachd a (1) rioghachd. 13 Is rioghachd shìorruidh do rioghachdsa; agus mairidh t’uachdaranachd air feadh nan uile ghinealach. 14 [Tha an Tighearna firinneach ’na uile bhriathraibh, agus naomha ’na uile ghnìomharaibh.] 15 Cumaidh an Tighearna suas iadsan uile a tha tuiteam, agus togaidh e ’n aird iadsan uile a tha air cromadh sìos. 16 Tha sùilean nan uile a’ feitheamh ort, agus bheir thu dhoibh am biadh ’na thràth. 17 Tha thu fosgladh do làimh, agus a’ sàsuchadh miann gach ni beo. 18 Tha’n Tighearna ceart ’na uile shlighibh, agus naomha ’na uile ghnìomharaibh. 19 Is dlùth an Tighearna dhoibhsan uile a ghairmeas air, dhoibhsan uile a ghairmeas air am firinn. 20 Coimhlionaidh e miann na droinge d’an eagal e; agus éisdidh e r’an glaodh, agus saoraidh se iad. 21 Gleidhidh an Tighearn iadsan uile a ghràdhaicheas e; ach sgriosaidh e na h-aingidh gu léir. 22 Air cliu an Tighearna labhraidh mo bheul: agus beannuichidh gach feoil ainm naomha-san gu saoghal nan saoghal. SALM CXLVI. MOLAIBHSE an Tighearna: mol an Tighearn, O m’anam. 2 Molaidh mi an Tighearn an cian is beo mi (2); seinnidh mi cliu dom’ Dhia, am feadh a bhios bith agam. 3 Na h-earbaibh a h-uachdaranaibh (3), a mac duine sam bith, anns nach ’eil furtachd. 4 Théid ’anail as, pillidh e g’a ùir: san là sin féin théid as d’a smuaintibh. 5 Is sona an ti aig am bheil Dia Iacoib mar a chabhair, aig am bheil a dhòchas anns an Tighearn a Dhia, 6 A rinn nèamh agus talamh, a’mhuir agus gach ni a ta annta; a ghleidheas firinn gu bràth; 7 A chumas còir riu-san a tha fo fhoirneart, a bheir biadh do na h-ocraich. Cuiridh an Tighearna na prìosunaich fa sgaoil. 8 Fosglaidh an Tighearna sùilean nan dall: togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh sìos: is ionmhuinn leis an Tighearna na fireana. 9 Gleidhidh an Tighearna na coigrich; togaidh e suas an dìlleachdan agus a’ bhantrach: ach tilgidh e slighe nan aingidh bun os cionn. 10 Rioghaichidh an Tighearna gu bràth, do Dhia-sa, a Shion, o linn gu linn. Molaibhse an Tighearna. SALM CXLVII. MOLAIBHSE an Tighearn; oir is maith an ni a bhi tabhairt cliu d’ar Dia, oir a ta e taitneach, agus a ta moladh ciatfach. 2 Togaidh an Tighearna suas Ierusalem; cruinnichidh e re chéile dìobaraich Israeil. (1) do. (2) rè mo bheatha. (3) daoinibh mòra, uaisle. [TD 282] SALM CXLVIII. 3 Leighisidh e iadsan aig am bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leònta (1). 4 Innsidh (2) e àireamh nan rionnag; bheir e ainmean orra uile. 5 Is mòr ar Tighearn, agus is mòr a chumhachd: tha a thuigse gun tomhas. 6 Togaidh an Tighearna suas na daoine ciuin (3), tilgidh e sìos na h-aingidh gu làr. 7 Seinnibh do’n Tighearna le buidheachas; seinnibh moladh d’ar Dia-ne air a’ chlàrsaich: 8 A dh’fholaicheas (4) nèamh le neulaibh, a dh’ulluicheas uisge do’n talamh, a bheir air feur fàs air na sléibhtibh. 9 Bheir esan a bhiadh do’n ainmhidh, do na fithich òga a ghoireas (5). 10 Ann an neart an eich cha bhi a dhùil; ann an cosaibh fir cha ghabh e tlachd. 11 Gabhaidh an Tighearna tlachd annta-san d’an eagal e, a chuireas an dòigh ’na thròcair. 12 Mol an Tighearn, a Ierusalem; mol do Dhia, a Shion: 13 Oir neartaich e croinn do gheatacha, bheannuich e do chlann an taobh a stigh dhìot. 14 Ni e sìth a’d’ chrìochaibh; sàsuichidh e thu le smior a’ chruineachd. 15 Cuiridh e mach ’àithne air thalamh; gu luath ruithidh fhocal. 16 Bheir e sneachda mar olainn; sgaoilidh e an liath-reodh mar luaithre. 17 Tilgidh e mach ’eigh (6) mar ghreamanna: cò dh’fheudas seasamh fa chomhair fhuachda? 18 Cuiridh e mach fhocal, agus leaghaidh e iad: séididh a ghaoth, sruthaidh na h-uisgeacha. 19 Foillsichidh e fhocal do Iacob, a reachdan agus a bhreitheanais do Israel. 20 Cha do bhuin e mar so re cinneach sam bith; cha mhò a b’aithne dhoibh a bhreitheanais. Molaibhse an Tighearna. SALM CXLVIII. MOLAIBHSE an Tighearna. Molaibh an Tighearn o na nèamhaibh; molaibh e anns na h-ardaibh. 2 Molaibh e, ’aingle uile; molaibh e, a shlòigh uile. 3 Molaibh e, a ghrian agus a ghealach; molaibh e, uile reulta soluis. 4 Molaibh e, a nèamha nan nèamh, agus uisgeacha a tha os cionn nan nèamh. 5 Moladh iad ainm an Tighearna; oir dh’àithn e, agus chruthaicheadh iad. 6 Agus dhaingnich e iad gu saoghal nan saoghal; rinn e àithne, nach d’théid thairis (7). 7 Molaibh an Tighearn o’n talamh, a dhràgona, agus a dhoimhneachdan uile. 8 Teine (8) agus clach-shneachd, sneachda agus ceò, gaoth dhoinionnach a’ coimh-lionadh fhocail, 9 Na beannta agus na cnuic uile, craobhan-meas (9) agus na h-uile sheudair (10), 10 Fiadh-bheathaiche agus (1) doilgheasan. (2) Airmhidh. (3) macanta. (4) chòmhdaicheas. (5) ghlaodhas. (6) a leac-oighre. (7) nach brisear. (8) tein’-athair. (9) craobhan-toraidh. (10) cheudair. [TD 283] SALM CXLIX. CL. gach uile ainmhidh, nithe snàigeach, agus eunlaith iteagach (1), 11 Righre na talmhainn agus na h-uile shlòigh, uachdarana agus uile bhreitheamhna na talmhainn, 12 Araon òig-fhir agus òighean, seann daoine agus clann (2); 13 Moladh iad sin ainm an Tighearna: oir a ta ainm-san a mhàin urramach (3), tha a ghlòir os cionn na talmhainn agus nan nèamh. 14 Agus dh’ardaich e adharc a shluaigh, moladh a naomh uile, eadhon chloinn Israeil, sluaigh a ta’m fagus da. Molaibhse an Tighearna. SALM CXLIX. MOLAIBHSE an Tighearna. Seinnibh do’n Tighearn òran nuadh, seinnibh a mholadh ann an coimh-thional nan naomh. 2 Biodh Israel aoibhneach ’na Chruith-fhear: deanadh clann Shioin gairdeachas ’nan Righ. 3 Moladh iad ’ainm anns an dannsadh: le tiompan agus le clàrsaich seinneadh iad dha. 4 Oir gabhaidh an Tighearna tlachd ’na shluagh: ni e na daoine sèimh sgiamhach le slàinte. 5 Deanadh na naoimh gairdeachas ann an glòir: deanadh iad iolach (4) air an leapaichibh. 6 Biodh ard chliu Dhé ’nam beul, agus claidheamh dà fhaobhair ’nan làimh, 7 A chum dìoghaltas a dheanamh air na cinnich, smachdachadh goirt (5) air na slòigh; 8 A chum an righrean a cheangal le slabhraidhibh, agus an ard uaislean le geimhlibh iaruinn; 9 A chum am breitheanas a chur an gnìomh orra, a tha scrìobhta: tha’n t-urram so aig a naoimh uile. Molaibhse an Tighearna. SALM CL. MOLAIBHSE an Tighearna. Molaibh Dia ’na ionad naomha; molaibh e ann an speuraibh (6) a chumhachda. 2 Molaibh e air son a ghnìomhara treana; molaibh e a réir airde a mhòrachd. 3 Molaibh e le fuaim trompaide; molaibh e le saltair, agus le clàrsaich. 4 Molaibh e le tiompan agus dannsadh; molaibh e le innealaibh-ciuil nan teud, agus le organ. 5 Molaibh e le ciombalaibh fonnmhor; molaibh e le ciombalaibh ard-fhuaimneach. 6 Moladh gach ni anns am bheil anail an Tighearna. Molaibhse an Tighearna. (1) sgiathach, sgiathanach. (2) òganaich. (3) air ardachadh. (4) ard-sheinneadh iad. (5) peanas. (6) athar, iormoilt. [TD 284] GNATH-FHOCAIL. CAIB. I. GNATH-FHOCAIL Sholaimh, mhic Dhaibhi, righ Israeil; 2 A dh’aithneachadh gliocais agus teagaisg, a thuigsinn bhriathar na tuigse; 3 A ghabhail teagaisg a’ ghliocais, a’ cheartais, & a’ bhreitheanais, agus na còrach; 4 A thoirt géire dhoibhsan a ta baoghalta (1), eòlais agus céill (2) do’n òganach. 5 Eisdidh duine glic, agus meudaichidh e fòghlum, agus sealbhaichidh duine tuigseach comhairlean glice: 6 A thuigsinn gnàth-fhocail, agus eadar-mhìneachaidh; fhocal nan daoine glice, agus am briathar dorcha. 7 Is e eagal an Tighearna tùs an eòlais: air gliocas agus teagasg ni amadain tàir. 8 A mhic, éisd thusa re teagasg t’athar, agus na tréig lagh do mhàthar: 9 Oir ’nan coron maise bithidh iad do d’ cheann, agus ’nan slabhruidhibh do d’ mhuineal. 10 A mhic, ma thàlaidheas (3) peacaich thu, na aontaich thusa leo. 11 Ma their iad, Thig leinne, deanamaid feall-fheitheamh (4) air fuil, luidheamaid am folach air son an neo-chiontaich gun aobhar: 12 Mar an uaigh sluigeamaid suas beo iad, agus iomlan mar iadsan a théid sìos don t-slochd. 13 Gheibh sinn gach uile mhaoin luachmhor, lìonaidh sinn ar tighean le creich (5). 14 Tilg a steach do chrannchur ’nar measgne; bithidh aon sporan againn uile. 15 A mhic, na h-imich thusa san t-slighe maille riu; cum air a h-ais do chos o’n ceum: 16 Oir tha’n cosan a’ ruith a chum uilc, agus a’ deanamh deifir a dhòrtadh fola. 17 Gu deimhin is dìomhain an lìon a sgaoileadh an sealladh eoin air bith. 18 Agus tha iad re feall-fholach (6) an aghaidh am fola féin, tha iad a’ luidhe an uaigneas anaghaidh an anama féin. 19 Mar sin tha slighean gach neach a ta sanntach air buannachd: anam a sealbhadairean bheir i air falbh. 20 Tha gliocas ag éigheach a muigh, anns na sràidibh tha i a’ cur amach a gutha; 21 Ann an àitibh sònraichte a’ chomh-chruinneachaidh tha i ag éigheach, ann am fosgladh nan geata: anns a’ bhaile tha i a’ cur amach a briathra, (1) aon-fhillte, neo-gheur. (2) eagnaidheachd, deadh chomhairle. (3) bhreugas, mheallas. (4) plaid-luidhe. (5) spùinne. (6) plaid-luidhe. [TD 285] GNATH-FHOCAIL. CAIB. II. 22 Cia fhad, a dhaoine baoghalta, a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd? agus a ghabhas luchd-fochaid tlachd ’nam fochaid, agus a bheir amadain fuath do eòlas? 23 Pillibh re m’ achmhasan: feuch, dòirtidh mi mach mo spiorad dhuibh (1); ni mi aithnichte mo bhriathra duibh. 24 A chionn gu’n do ghairm mi, agus gu’n do dhiùlt sibhse, gu’n do shìn mi mach mo làmh, agus nach d’thug duine sam bith an aire; 25 Ach gu’n do chuir sibh an neo-brigh m’uile chomhairle, agus nach b’àill leibh a bheag do m’ achmhasan; 26 Ni mise mar an ceudna gàire re’r sgrios-sa; ni mi fanoid ’nuair a thig bhur n-eagal; 27 ’Nuair a thig bhur n-eagal mar fhàsachadh, agus a thig bhur léir-sgrios oirbh mar iom-ghaoith; ’nuair a thig teinn (2) agus cràdh-cridhe oirbh. 28 An sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhreagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach cha’n fhaigh iad mi; 29 A chionn gu’n d’fhuathaich iad eòlas, agus nach do ròghnuich iad eagal an Tighearna. 30 Cha b’àill leo bheag do m’ chomhairle (3), rinn iad tàir air m’achmhasan uile. 31 Uime sin ithidh iad do thoradh an slighe féin, agus lìonar iad le’n innleachdaibh féin. 32 Oir marbhaidh claonadh nan daoine baoghalta iad, agus sgriosaidh soirbheas (4) nan amadan iad féin. 33 Ach ge b’e dh’éisdeas riumsa, gabhaidh e còmhnuidh an tèaruinteachd, agus bithidh e saor (5) o eagal uilc. CAIB. II. A MHIC, ma ghabhas tu mo bhriathra-sa, agus ma dh’fholuicheas tu m’àitheanta maille riut; 2 Air chor as gu’n aom thu do chluas re gliocas, gu’n leag thu do chridhe air tuigse: 3 Seadh, re eòlas ma dh’éigheas tu, re tuigse ma thogas tu suas do ghuth; 4 Ma dh’iarras tu i mar airgiod, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar airson ionmhasan folaichte; 5 An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas Dé: 6 Oir bheir an Tighearna gliocas; as a bheul thig eòlas agus tuigse. 7 Tha e tasgaidh suas gliocais fhallain airson nam firean: is sgiath e dhoibhsan a ghluaiseas gu h-ionraic. 8 Tha e a’ coimhead ceumanna a’ bhreitheanais, agus a’ dìonadh slighe a naomh. 9 An sin tuigidh tu fireantachd, agus breitheanas, agus ceartas, seadh, gach uile dheadh shlighe. 10 ’Nuair a théid gliocas a steach ann do chridhe, agus a bhios eòlas taitneach do d’ anam; 11 Ni ciall do dhìonadh, coimhididh tuigse thu: (1) oirbh. (2) àmhghar (3) cha d’aontaich iad le m’ chomhairle. (4) soirbheachadh. (5) sàmhach. [TD 286] GNATH-FHOCAIL. CAIB. III. 12 Gu d’ shaoradh (1) o shlighe an droch dhuine; o’n duine a labhras nithe fiara (2), 13 A dh’fhàgas ceumanna an ionracais, a dh’imeachd ann an slighibh an dorchadais; 14 Leis an aoibhinn an t-olc a dheanamh, agus a tha gabhail tlachd ann an aingealtachd nan aingidh. 15 ’G am bheil an sligheanna cam, agus iad a’ claonadh ’nan ceumannaibh. 16 Chum do shaoradh o’n mhnaoi choimhich, o’n bhana-choigrich a ni miodal le a briathraibh; 17 A thréigeas oid-ionnsuich (3) a h-òige, agus a dhi-chuimhnicheas coimhcheangal a Dé: 18 Oir tha a tigh a’claonadh chum bàis, agus a ceumanna chum nam marbh. 19 Cha phill duine sam bith a théid d’a h-ionnsuidh, agus a rìs cha’n fhaigh e sligheanna na beatha (4). 20 Chum gu’n imich thu ann an slighe dhaoine maithe (5), agus gu’n gléidh thu ceumanna nam firean. 21 Oir gabhaidh na h-ionracain còmhnuidh san tìr, agus fanaidh na daoine foirfe (6) innte. 22 Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd eusaontais as. CAIB. III. A MHIC, na di-chuimhnich mo lagh, ach gleidheadh do chridhe m’àitheanta: 2 Oir laithean buan, agus saoghal fada, agus sìth bheir iad dhuit. 3 Na tréigeadh tròcair agus firinn thu: ceangail iad mu d’ mhuineal, scrìobh iad air clàr do chridhe. 4 Agus gheibh thu deadh-ghean, agus tuigse mhaith an sealladh Dhé agus dhaoine. 5 Earb as an Tighearna le d’ uile chridhe, agus re d’ thuigse féin na biodh do thaice. 6 Ann ad uile shlighibh aidich e, agus seòlaidh esan do cheumanna. 7 Na bi glic a’d’ shùilibh féin; biodh eagal an Tighearna ort, agus tréig olc. 8 ’Na shlàinte bithidh e do d’ iomlaig, agus ’na smior dod’ chnàmhaibh. 9 Thoir urram do’n Tighearna le d’ mhaoin, agus le ceud thoradh t’uile chinneis (7). 10 Agus lìonar do shaibhlean le pailteas, agus le fion nuadh ruithidh t-fhìon-amair thairis. 11 Air cronachadh an Tighearna, a mhic, na deansa tàir, agus na sgìthich d’a smachdachadh. 12 Oir esan a’s toigh leis an Tighearna smachdaichidh se, mar a smachdaicheas athair am mac anns am bheil a thlachd. 13 Is sona an duine a dh’amaiseas air gliocas, agus am fear a gheibh tuigse: 14 Oir is fearr a ceannachd (8) na ceannachd airgid, agus a buannachd (9) na’n t-òr. 15 Is luachmhoire i na na (1) gu d’ dhìon. (2) tarsuinn. (3) treòruiche, fear-stiùraidh. (4) ni mò a ghabhas e greim do shlighibh na beatha. (5) matha. (6) iomlan, coimhlionta. (7) fhàis. (8) malairt. (9) tairbhe. [TD 287] GNATH-FHOCAIL. CAIB. IV. seudan (1), agus cha ’n’eil gach ni a’s urrainn thu mhiannachadh r’an coimhmeas (2) rithe. 16 Tha saoghal fada ’na làimh dheis; ’na làimh chli saibhreas agus urram. 17 Is sligheanna subhachais a sligheanna, agus is sìth a ceumanna uile. 18 Is craobh beatha i dhoibhsan a ni greim oirre, agus is sona iadsan a ghleidheas i. 19 Le gliocas shuidhich an Tighearn an talamh; le tuigse shocraich e na nèamha. 20 Le eòlas-san brisear suas na doimhneachdan, agus silidh na neoil a nuas an drùchd. 21 A mhic, na dealaicheadh iad re d’ shùilibh: coimhid gliocas fallain agus tuigse (3). 22 Agus bithidh iad ’nam beatha do d’ anam, agus ’nam maise do d’ mhuineal. 23 An sin imichidh tu a’d’ shlighe gu tèaruinte, agus cha tuislich do chos (4). 24 ’Nuair a luidheas tu sìos, cha bhi eagal ort: seadh, luidhidh tu sìos, agus bithidh do chodal milis (5). 25 Na biodh sgàth (6) ort roimh eagal obann, no roimh fhàsachadh (7) nan aingidh, ’nuair a thig e. 26 Oir bithidh an Tighearna ’na thearmunn duit, agus gleidhidh e do chos o bhi air a glacadh. 27 Na cum maith o’n droing d’an dlighear e, ’nuair a tha e ’n comas do làimh a dheanamh. 28 Na h-abair re d’ choimhearsnach, Imich, agus thig a rìs, agus am màireach bheir mi dhuit, ’nuair a tha e agad làimh riut. 29 Na dealbh olc an aghaidh do choimhearsnaich, agus e gabhail còmhnuidh gu muin-ghineach làimh riut. 30 Na dean stri re duine gun aobhar, mur do rinn e cron ort. 31 Na biodh farmad agad re fear an fhorneirt, agus na ròghnuich a bheag d’a shlighibh. 32 Oir is gràinealachd do’n Tìghearn an duine droch-mhuinte (8), ach tha a rùn aig an ionracan. 33 Tha mallachd an Tighearna ann an tigh an aingidh; ach beannuichidh e àite-còmhnuidh nam firean. 34 Gu cinnteach air luchd-fochaid ni e fochaid; ach do’n iriosal bheir e gràs (9). 35 Sealbhaichidh na daoine glice urram; ach is e nàire ardachadh nan amadan. CAIB. IV. CLUINNIBH, a chlann, teagasg athar, agus thugaibh an aire, chum gu faigh sibh eòlas air tuigse: 2 Oir tha mi toirt duibh deadh theagaisg; na tréigibhse mo reachd. 3 Oir bu mhise mac muirneach (10) m’athar, agus mar aon-ghin mic bha mi ann an sealladh mo mhàthar. 4 Theagaisg e mi mar an ceudna, agus thubhairt e rium, Cumadh do chridhe mo bhria- (1) leugan, clachan luachmhor. (2) samhlachadh. (3) léirsinneachd, eagnuidheachd. (4) chas. (5) ciuin, suaimhneach. (6) faitcheas. (7) mhilleadh, sgrios. (8) droch-mhèineach, ceannairceach. (9) deadh-ghean. (10) òg, maoth. [TD 288] GNATH-FHOCAIL. CAIB. V. thra; coimhid m’àitheantan agus mair beo. 5 Faigh gliocas, faigh tuigse: na di-chuimhnich, agus na claon o bhriathraibh mo bheoil. 6 Na tréig i, agus gleidhidh si thu: gràdhaich i, agus coimhididh si thu. 7 Is e gliocas an ni sònruichte (1); faigh gliocas, agus maille re d’ uile fhaghail faigh tuigse. 8 Ardaich i, agus cuiridh i suas thu; bheir i gu h-urram thu, ’nuair a ghabhas tu a’d’ ghlacaibh i. 9 Bheir i do d’ cheann coron maise: crùn glòire bheir i seachad duit. 10 Eisd, a mhic, agus gabh m’fhocail: agus bithidh bliadhnacha do bheatha lìonmhor. 11 Ann an slighe a’ ghliocais theagaisg mi thu: threòraich mi thu ann an ceumannaibh dìreach. 12 ’Nuair a dh’imicheas tu, cha teannaichear (2) do cheumanna, agus an uair a ruitheas tu, cha tuislich thu. 13 Dean greim daingean air teagasg, na leig as e; coimhid e, oir is e do bheatha e. 14 Na gabh a steach do rathad nan aingidh, agus na h-imich ann an slighe dhroch dhaoine. 15 Seachainn i, na gabh seachad làimh rithe, pill uaithe (3), agus imich romhad. 16 Oir cha chaidil iadsan mur dean iad olc: agus tha’n cadal air a thoirt uatha mur toir iad air cuid-eigin tuiteam. 17 Oir tha iad ag itheadh arain na h-aingidheachd, agus ag òl fiona an ainneirt. 18 Ach tha slighe nam firean mar an solus dealrach, a dhealraicheas ni’s mò agus ni’s mò gu ruig an latha iomlan. 19 Tha slighe nan aingidh mar dhorchadas: cha’n aithne dhoibh ciod air am bheil iad a’ tuisleachadh. 20 A mhic, do’m’ fhoclaibh thoir aire; rem’ bhriathraibh aom do chluas. 21 Na imicheadh iad o d’ shùilibh: gléidh iad am meadhon do chridhe. 22 Oir is beatha iad dhoibhsan a gheibh iad, agus ìoc-shlaint (4) d’am feoil uile. 23 Leis gach uile dhìchioll gléidh do chridhe; oir as sin tha sruthanna (5) na beatha. 24 Cuir uait am beul fiar (6), agus na bilean beumnach cuir fad uait. 25 Sealladh do shùilean gu ceart rompa, agus seòladh fàbhrainnean (7) do shùl gu dìreach romhad. 26 Cothromaich ceumanna do chos, agus biodh do shlighean uile air an socrachadh. 27 Na tionndaidh a chum na làimhe deise, no clìthe: carruich do chos o’n olc. CAIB. V. A MHIC, do m’ ghliocas thoir an aire; re m’ thuigse aom do chluas. 2 Chum gu’n coimhid thu (8) ciall (9), agus gu’n gléidh do bhilean eòlas. (1) an ceud ni. (2) chumhaingichear. (3) uaipe. (4) slàinte. (5) tobraiche. (6) cealgach. (7) ruisg. (8) gu’m bi meas agad air. (9) crìonnachd, eagnaidheachd. [TD 289] GNATH-FHOCAIL. CAIB. VI. 3 [Na h-éisd re mealltoireachd mnà:] oir mar a’ chìr-mheala silidh bilean mnà coimhich, agus is mìne (1) na oladh a beul. 4 Ach tha a crìoch searbh mar a’ bhurmaid, geur mar chlaidheamh dà fhaobhair. 5 Tha a cosan a’ dol sìos chum a’ bhàis: ni a ceumanna greim air ifrinn (2). 6 Air eagal gu’n cothromaicheadh tu slighe na beatha (3), luaineach (4) tha a ceumanna, air chor as nach urrainn thu ’n aithneachadh. 7 A nis uime sin, a chlann, éisdibh rium, agus na dealaichibh re briathraibh mo bheoil. 8 Atharraich do shlighe fad uaithe (5), agus na d’thig am fagus do dhorus a tighe: 9 Air eagal gu’n d’thoir thu do neart (6) do mhuinntir eile, agus do bhliadhnacha do’n an-iochdmhor: 10 Air eagal gu’n lìonar coigrich le d’ shaibhreas, agus gu’m bi do shaothair ann an tigh coigrich, 11 Agus gu’n dean thu caoidh (7) ma dheireadh, ’nuair a chaithear t’fheoil agus do chorp (8), 12 Agus gu’n abair thu, Cionnus a thug mi fuath do theagasg, agus a rinn mo chridhe tàir air achmhasan? 13 Agus nach robh mi ùmhal do ghuth mo luchd-teagaisg, agus nach d’aom mi mo chluas riu-san a theagaisg mi? 14 Is beag nach robh mi anns gach olc, am meadhon a’ chomhchruinneachaidh, agus a’ choimhthionail. 15 Ol uisgeachan as do shoitheach féin; agus uisgeacha ruith as do thobar (9) féin. 16 Biodh (10) do thobraichean air an sgaoileadh amach; do shruthan uisge anns na sràidibh. 17 Biodh iad agad féin a mhàin, agus na b’ann aig coigrich maille riut. 18 Biodh do thobar beannaichte: agus dean gairdeachas maille re mnaoi-phòsda t’òige. 19 Biodh i mar an eilid ghràdhach, agus mar an earb (11) thaitneach; sàsaicheadh a cìochan thu sgach àm: le a gràdh bi a ghnàth air do lìonadh. 20 Agus c’arson, a mhic, a mheallar thu (12) le mnaoi choimhich, agus a dhlùthaicheas tu re brollach bana-choigrich? 21 Oir fa chomhair shùl an Tighearna tha sligheanna an duine, agus tha e a’cothromachadh a cheumanna uile. 22 Glacaidh ’eucearta féin an t-aingidh, agus le cuird a pheacaidh ceanglar e. 23 Bàsaichidh e gun teagasg, agus ann am meud ’amaideachd théid e air seacharan. CAIB. VI. A MHIC, ma ta thu ’n urras air do charaid, ma bhuail thu do làmh le neach eile, 2 Ribeadh thu le briathraibh do bheoil; ghlacadh thu le foclaibh do bheoil. (1) tlàithe. (2) bheir a ceumanna do’n uaigh. (3) slighe na beatha cha ’n’eil i idir a’ cothromachadh. (4) caochlaideach. (5) uaipe. (6) t’urram, do mhaise. (7) gu’m beuc thu. (8) feoil do chuirp. (9) thiobairt. (10) [Na] biodh. (11) earba. (12) théid thu air seacharan, bhios tu air do mheadhradh? [TD 290] GNATH-FHOCAIL. CAIB. VI. 3 Dean so a nis, a mhic, agus saor thu féin, ’nuair a thig thu ’n làimh do charaid; imich, irioslaich thu féin, agus dean cinnteach do charaid. 4 Na toir codal do d’ shùilibh, no clò chodail do d’ rosgaibh (1). 5 Thoir as thu féin mar earb a làimh an t-sealgair (2), agus mar eun a làimh an eunadair. 6 Imich a chùm an t-seangain, a leisgein (3); thoir fa’near a shlighean, agus bi glic: 7 Aig nach ’eil fear-seòlaidh, fear-amhairc (4), no riaghladair, 8 A dh’ulluicheas a bhiadh san t-samhradh, agus a chruinnicheas a theachd-an-tìr san fhogharadh. 9 Cia fhad a choidleas tu, a leisgein? c’uin a dh’éireas tu as do chodal? 10 Fathast beagan codail, beagan clò chodail, beagan fillidh (5) nan làmh gu codal. 11 An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus t’uireasbhuidh mar dhuine fuidh armaibh. 12 Duine nach fiu, fear aingidh, siubhlaidh e le beul ana-cneasda. 13 Caogaidh e le shùil, bheir e sanas (6) le chois, teagaisgidh e le mheuraibh. 14 Tha aingealtachd (7) ’na chridhe, tha e a’ dealbhadh uilc a ghnàth; togaidh e aimhreit (8). 15 Uime sin gu h-obann thig a sgrios (9); gu grad brisear e, gun leigheas. 16 Na sè nithe so is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithe ’nan gràinealachd d’a anam: 17 Sealladh ard (10), teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach, 18 Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh, cosan a bhios luath a ruith chum uilc, 19 Fianuis bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit (11) eadar bhràithribh. 20 A mhic, coimhid àithne t’athar, agus na tréig reachd (12) do mhàthar. 21 Ceangail iad a ghnàth air do chridhe, daingnich iad mu d’ mhuineal. 22 ’Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad (13) thu; ’nuair a choidleas tu (14) gleidhidh iad (15) thu; agus anuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad (16) riut. 23 Oir is lòchran an àithne, agus is solus an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg; 24 Chum do ghleidheadh o’n droch mhnaoi, o mhiodal teanga na mnà coimhich. 25 Na miannaich a sgèimh ann ad chridhe; agus na glacadh i thu le a rosgaibh: 26 Oir le (17) mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain: agus sealgaidh a’ bhan-adhaltrannach air an anam luachmhor. 27 An urradh duine teine a ghabhail ’na bhrollach, agus gun ’eudach a bhi air a losgadh? 28 An urradh duine imeachd (1) fhàbhraidhibh. (2) as an lìon. (3) a lundaire. (4) fear sùil-bheachd, maighstir-oibre. (5) pasgaidh. (6) labhraidh e. (7) coirbteachd, ana-cneasdachd. (8) sìol-chuiridh e ais-sith. (9) àmhghar. (10) uaibhreach. (11) ais-sith. (12) lagh. (13) e. (14) a luidheas tu sìos. (15) e. (16) e. (17) trìd. [TD 291] GNATH-FHOCAIL. CAIB. VII. air eibhlibh teithe, agus gun a chosan a bhi air an losgadh? 29 Mar sin esan a théid a steach chum mnà a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neo-chiontach a bheanas rithe. 30 Cha deanar tàir air gaduiche, ma ghoideas e a shàsuchadh ’anama ’nuair a bhios e ocrach: 31 Ach ma ghlacar e, aisigidh (1) e a sheachd uiread, uile mhaoin a thighe bheir e seachad. 32 Ach ge b’e ni adhaltrannas re mnaoi, tha e gun tuigse (2): sgriosaidh esan a ni e anam féin. 33 Lot agus mi-chliu gheibh e, agus a mhasladh cha ghlanar as. 34 Oir is e ’n t-eud cuthach an fhir: uime sin cha chaomhain e ann an là an dioghaltais. 35 Cha bhi suim aige dh’éiric air bith (3); ni mò a thoilichear e, ge do bheir thu dha mòran thiodhlacan. CAIB. VII. A MHIC, gléidh mo bhriathran, agus taisg m’àitheanta maille riut. 2 Gléidh m’àitheantan, agus bi beo; agus mo lagh mar dhubhagan (4) do shùl. 3 Ceangail iad air do mheuraibh; scrìobh iad air clàr do chridhe. 4 Abair re gliocas, Is tu mo phiuthar; agus goir do bhan-charaid do thuigse: 5 Chum gu’n gléidh iad thu o’n mhnaoi choimhich, o’n bhanachoigrich a ni brionnal (5) le a briathraibh. 6 Oir aig uinneig mo thighe dh’amhairc mi troimh (6) mo chléith, 7 Agus sheall mi am measg nan daoine baoghalta; thug mi fa’near am measg nan òganach, òig-fhear gun chéill (7), 8 A’ dol seachad air an t-sràid fagus d’a h-oisinn, agus ghabh e an t-slighe chum a tighe, 9 San dù-thra, san fheasgar, san oidhche dhuibh dhoirch: 10 Agus feuch, thachair bean air ann an culaidh strìopaiche, agus cuilbheartach ’na cridhe. 11 Tha i ard-ghuthach (9) agus ceann-laidir; cha’n fhan a cosan ’na tigh. 12 A nis tha i mach, a nis anns na sràidibh, agus a’ feitheamh nam fàth aig gach oisinn. 13 Agus rug i air, agus phòg i e, agus le aghaidh gun nàire thubhairt i ris (10), 14 Tha tabhartais-shìth agam; an diugh dh’ìoc mi mo bhòidean. 15 Uime sin thàinig mi mach a’d’ choinneamh, a dh’iarraidh t’aghaidh gu dìchiollach, agus fhuair mi thu. 16 Le còmhdaichibh grinne (11) sgeadaich mi mo leaba, le oibribh gearrta, le lìon-eadach mìn o’n Eiphit. 17 Rinn mi mo leaba cùbhraidh le mirr, aloe, agus canal. 18 Thig, gabhamaid ar sàth do ghaol gu maduinn, deanamaid comh-ghairdeachas ann an gaol: (1) bheir e air ais. (2) dhìth céille. (3) Cha taitinn éiric sam bith ris. (4) ubhal, chloich. (5) miodal. (6) tre, trìd. (7) gun chridhe. Eabh. (8) Mu dhorchadh nan tràth, san eadar-cholus. (9) bruidhneach. (10) chruaidhich i a h-aghaidh, agus thubhairt i ris. (11) còmhdaichibh do obair ghréis; tapestry Sasg. [TD 292] GNATH-FHOCAIL. CAIB. VIII. 19 Oir cha ’n’eil fear an tighe aig baile; chaidh e air thurus fada. 20 Sporan airgid thug e leis (1); air an là shuidhichte thig e dhachaidh. 21 Le mòran d’a cainnt mhilis thug i air aontachadh; le miodal a bilean chomh-éignich i e. 22 Tha e a’ dol ’na déigh gun dàil, mar a théid an damh chum a chosgaraidh (2), no’n t-amadan a chum peanais a’ chip: 23 Gus an d’théid saighead troimh ’àinean, mar a ghreasas eun do’n ribe, gun fhios aige gur ann chum a bhàis a ta e. 24 Anis uime sin éisdibh rium, a chlann, agus thugaibh aire do bhriathraibh mo bheoil. 25 Na claonadh do chridhe chum a sligheanna, na rach (3) air seacharan ’na ceumaibh. 26 Oir lot agus leag i sìos mòran; seadh, chaidh mòran do dhaoinibh treuna a mharbhadh leatha. 27 Is e a tigh an t-slighe gu h-ifrinn, a’ dol sìos gu seomraichibh a’ bhàis. CAIB. VIII. NACH ’eil gliocas ag éigheach? agus nach ’eil tuigse a’ cur amach a gutha? 2 Air mullach nan àit arda, làimh ris an t-slighe, ann am meadhon nan rathad tha i ’na seasamh. 3 Làimh ris na geatachaibh, aig dol a stigh a’ bhaile (4), far an d’thigear a steach air na dorsaibh tha i ag éigheach: 4 Ribhse, O fheara, tha mi ag éigheach; agus tha mo ghuth re cloinn nan daoine. 5 A dhaoine baoghalta, tuigibh gliocas; agus amadana, tuigibh ’nar cridhe. 6 Eisdibh, oir labhraidh mi air nithibh òidheirce; agus bithidh fosgladh mo bhilean air nithibh cearta. 7 Oir labhraidh mo bheul firinn; agus is gràineileachd aingidheachd do m’ bhilibh. 8 Ann an ceartas tha uile bhriathra mo bheoil; annta-san cha ’n’eil ni air bith olc no fiar. 9 Tha iad uile soilleir dha-san a thuigeas, agus ceart dhoibhsan a gheibh eòlas. 10 Gabhaibh mo theagasg, agus ni h-e airgiod, agus eòlas thar an òr thaghta. 11 Oir is fearr gliocas na na clachan luachmhor; agus cha ’n’eil na h-uile nithe a dh’fheudar a mhiannachadh r’an coimhmeas rithe. 12 Tha mise gliocas a’m’ chòmhnuidh maille re céill (5), agus tha mi faghail a mach eòlais air nithibh innleachdacha. 13 Is e eagal an Tighearna an t-olc fhuathachadh; uabhar, agus ardan, agus an droch shlighe, agus am beul fiar is fuathach leam. 14 Is leamsa comhairle, agus fior ghliocas: is leamsa tuigse; is leamsa neart (6). 15 Leamsa (7) rìoghaichidh righrean, agus orduichidh uachdarana ceartas. 16 Leamsa riaghlaidh uachdarain, agus daoine mòra (8), uile bhreitheamhna na talmhainn. (1) ’na laimh. Eabh. (2) mharbhaidh. (3) gabh, imich. (4) beul a’ bhaile. Eabh. (5) crionnachd. (6) is mise tuigse; agamsa tha neart. (7) Triomsa. (8) ard uaislean. [TD 293] GNATH-FHOCAIL. CAIB. IX. 17 Iadsan aig am bheil gràdh dhomh gràdhaichidh mi, agus iadsan a dh’iarras mi gu moch gheibh iad mi. 18 Tha beartas agus urram maille riumsa; saibhreas maireannach agus fireantachd. 19 Is fearr mo thoradh na òr, eadhon na òr fior-ghlan; agus mo theachd-a-stigh na airgiod taghta. 20 Air slighe a’ cheartais treòraichidh mi; ann am meadhon cheumanna a’ bhreitheanais; 21 A chum as gu’n d’thoir mi orra-san le’n ionmhuinn mi maoin a shealbhachadh; agus lìonaidh mi an ionmhasan. 22 Bha mise aig an Tighearn ann an toiseach a shlighe, roimh ’oibrean o shean. 23 O shìorruidheachd chuireadh suas (1) mi, o’n toiseach, mun robh an talamh ann. 24 Mun robh doimhneachda ann, ghineadh mise; ’nuair nach robh tobraiche ann, làn do uisgeachaibh. 25 Mun do shuidhicheadh na beannta; roimh na cnocaibh ghineadh mise. 26 Mun d’rinn e fathast an talamh, no na machraichean, no chuid a’s airde do dhuslach an domhain. 27 ’Nuair a dheasaich e na nèamha, bha mi’n sin; ’nuair a tharruing e cuairt air aghaidh na doimhne; 28 ’Nuair a dhaingnich e ’n t-athar (2) shuas; ’nuair a neartaich e tobraiche na doimhne; 29 ’Nuair a thug e a reachd do’n fhairge, nach rachadh na h-uisgeacha thar ’àithne; ’nuair a shuidhich e bunaite na talmhainn; 30 An sin bha mise aige mar neach a dh’altrumadh (3) maille ris, agus bu mhi a thlachd gach là, a’ deanamh gairdeachais ’na fhianuis an còmhnuidh; 31 A’ deanamh gairdeachais anns a’ chuid a dh’àitichear d’a thalamh, agus mo thlachd maille re cloinn nan daoine. 32 A nis uime sin, a chlann, éisdibh rium; oir is sona iadsan a ghleidheas mo shligheanna. 33 Eisdibh re teagasg, agus bithibh glic, agus na diultaibh e. 34 Is beannuichte an duine a dh’éisdeas rium, a’ deanamh faire aig mo gheataibh gach là, a’ feitheamh aig ursainnibh mo dhorsa. 35 Oir esan a gheibh mise, gheibh e beatha, agus gheibh e deadh-ghean (4) o’n Tighearna. 36 Ach esan a pheacaicheas a’m’ aghaidh-sa (5), ni e cron d’a anam féin: iadsan uile a dh’fhuathaicheas mi, gràdhaichidh iad am bàs. CAIB. IX. THOG gliocas a tigh; ghearr i mach (6) a seachd puist. 2 Mharbh i a feoil, mheasg i a fion; dheasaich i mar an ceudna a bord. 3 Chuir i mach a h-òighean, tha i a’ gairm air na h-àitibh a’s airde do n bhaile: 4 Ge be neach a ta baoghalta, thigeadh e a stigh an so: riu-san (7) a tha dhìth tuigse tha i ag radh, 5 Thigibh, ithibh do m’aran- (1) dh’ungadh. (2) na neoil. (3) dh’àraicheadh. (4) caoimhneas. (5) a théid air seacharan uam. (6) shnaidh i. (7) ris-san, ris gach neach. [TD 294] GNATH-FHOCAIL. CAIB. X. sa, agus òlaibh do’n fhìon a mheasg mi. 6 Tréigibh nithe amaideach, agus bithibh beò, agus imichibh air slighe na tuigse. 7 Esan a bheir achmhasan do fhear-fochaid, gheibh e dha féin masladh; agus esan a chronaicheas an t-aingidh, gheibh e dha féin smal. 8 Na cronaich fear-fochaid, air eagal gu’m fuathaich e thu: cronaich an duine glic, agus gràdhaichidh e thu. 9 Thoir teagasg do’n duine ghlic, agus bithidh e ni’s glice: teagaisg an duine cothromach, agus meudaichidh e ann am fòghlum. 10 Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; agus is e eòlas nithe naomh, tuigse. 11 Oir leamsa nithear do laithean lìonmhor, agus cuirear re bliadhnachaibh do bheatha. 12 Ma bhios tu glic, bithidh tu glic dhuit féin: ach ma bhios tu re fochaid, is tu féin a mhàin a dh’iomchaireas e. 13 Tha bean amaideach ard-ghuthach, baoghalta, agus cha ’n aithne dhi ni air bith: 14 Oir suidhidh i aig dorus a tighe, air caithir, ann an àitibh arda a’ bhaile, 15 A ghairm orra-san a bhios a’ dol seachad air an t-slighe, a’ gabhail dìreach rompa (1). 16 Ge b’e neach a ta baoghalta, thigeadh e stigh an so: agus ris-san a tha dhìth tuigse their i, 17 Tha na h-uisgeachan a ghoidear milis, agus an t-aran a dh’ithear an uaigneas taitneach. 18 Ach cha ’n’eil fhios aige gu bheil na mairbh an sin, ann an doimhneachdaibh ifrinn gu bheil a h-aoidheanna. CAIB. X. GNATH-FHOCAIL Sholaimh. Ni mac glic athair subhach; ach is e mac amaideach dubhachas a mhàthar. 2 Cha ’n’eil tairbhe ann an ionmhasaibh aingidheachd; ach saoraidh ionracas o’n bhàs. 3 Cha leig an Tighearna le anam an ionraic gort (2) fhulang; ach sgaoilidh e maoin nan aingidh. 4 Ni làmh na leisge (3) bochd; ach ni làmh nan dìchiollach beartach. 5 Esan a chruinnicheas anns an t-samhradh, is mac glic e; ach esan a choidleas anns an fhoghara, is mac maslach e. 6 Bithidh beannachdan air ceann an fhìrein (4); ach còmhdaichidh foirneart beul (5) nan aingidh. 7 Bithidh cuimhne an fhìrein beannuichte; ach lobhaidh ainm nan aingidh. 8 Gabhaidh esan a ta glic ’na chridhe àitheanta; ach tuitidh an t-amadan bith-bhriathrach. 9 Esan a ghluaiseas ann an ionracas, gluaisidh e gu tèaruinte; ach esan a chlaonas a shlighean, aithnichear e. 10 Esan a chaogas le shùil, bheir e bròn: agus tuitidh an t-amadan bith-bhriathrach. 11 Is tobar beatha beul an fhìrein; ach còmhdaichidh foirneart beul nan aingidh. (1) a’ stiùradh an ceumanna. (2) gorta. (3) na ceilge. (4) an nracain. (5) gnùis. [TD 295] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XI. 12 Dùisgidh fuath aimhreitean; ach folaichidh gràdh gach coire (1). 13 Ann am bilibh an duine thuigsich gheibhear gliocas; ach tha slat air son druim an ti a tha as eugmhais tuigse (2). 14 Ceilidh daoine glic na’s aithne dhoibh (3); tha beul an amadain dlùth do sgrios. 15 Is e beartas an duine shaibhir a chathair (4) làidir; is e milleadh nam bochd an uireasbhuidh. 16 Tha saothair an fhìrein chum beatha, teachd a stigh (5) an aingidh chum peacaidh. 17 Tha esan a choimhideas fòghlum anns an t-slighe gu beatha; ach tha esan a dhiùltas achmhasan air seacharan. 18 Esan a cheileas fuath le bilibh cealgach, agus esan a labhras mi-chliu, is amadan e. 19 Ann an lìonmhoireachd bhriathar cha bhithear saor o pheacadh; ach tha esan a choisgeas a bhilean glic. 20 Mar airgiod taghta (6) tha teanga an fhìrein; ach tha cridhe nan aingidh mar ni nach fiu. 21 Beathaichidh bilean an fhìrein mòran; ach eugaidh na h-amadain a dhìth tuigse (7). 22 Ni beannachadh an Tighearna saibhir, agus cha chuir e doilgheas ’na chuideachd. 23 Tha e mar shùgradh do’n amadan olc a dheanamh; ach tha gliocas aig fear na tuigse. 24 An ni is eagal leis an aingidh, thig e air; ach deònuichear miann nam firean. 25 Mar a théid an ioma-ghaoth thairis, mar sin cha bhi an droch dhuine ni’s mò; ach is bunait sìorruidh am firean. 26 Mar fhìon-geur do na fiaclaibh, agus mar dheataich do na sùilibh, mar sin tha’n leisgein dhoibhsan a chuireas uatha e. 27 Cuiridh eagal an Tighearna re laithibh duine; ach giorraichear bliadhnacha nan aingidh. 28 Bithidh dùil nam firean ’na aobhar aoibhneis; ach théid as do dhòchas nan aingidh. 29 Is neart do na h-ionraic slighe an Tighearna; ach thig sgrios air (8) luchd-deanamh na h-euceirt. 30 Cha ghluaisear am firean gu bràth; ach cha ghabh na h-aingidh còmhnuidh air an talamh. 31 Bheir beul an fhìrein a mach gliocas; ach gearrar as an teanga fhiar. 32 Tha fios aig bilibh an fhìrein air an ni a ta taitneach; ach labhraidh beul nan aingidh nithe fiara. CAIB. XI. THA meidhean mealltach ’nan gràineileachd do’n Tighearn; ach is taitneach leis toimhsean ceart (9). 2 ’Nuair a thig uabhar, thig masladh; ach aig na h-iriosail tha gliocas. 3 Seòlaidh ionracas nam firean iad; ach millidh fiaradh (10) luchd dò-bheirt iad féin. (1) cionta, peacadh. (2) cridhe. Eabh. (3) Taisgidh daoine glic eòlas. (4) a mhòr-bhaile. (5) toradh. (6) dearbhta, fior-ghlan. (7) cridhe. Eabh. (8) is aobhar uamhais i do. (9) clach iomlan. Eabh. (10) claonadh, cealg. [TD 296] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XI. 4 Cha bhi tairbhe ann an saibhreas ann an latha na feirge; ach saoraidh fireantachd o’n bhàs. 5 Seòlaidh fireantachd an duine ionraic (1) a shlighe; ach trìd aingidheachd féin tuitidh an t-aingidh. 6 Saoraidh fireantachd nan ionraic iad; ach glacar fealltairean (2) ’nan olc féin. 7 ’Nuair a bhàsaicheas an droch dhuine, théid as d’a dhòchas; agus teirgidh dùil luchd-euceirt. 8 Saorar am firean o theinn; ach thig an droch dhuine ’na àite. 9 Le bheul millidh cealgair a choimhearsnach; ach trìd eòlais saorar na fireana. 10 ’Nuair a dh’éireas gu maith do na fireanaibh, ni am baile (3) gairdeachas; agus an uair a sgriosar na h-aingidh, bithidh luathghaire ann. 11 Le beannachadh nan ionraic ardaichear baile; ach le beul nan aingidh leagar e. 12 Ni esan a tha as eugmhais gliocais (4) tàir air a choimhearsnach; ach bithidh fear na tuigse ’na thosd. 13 Imichidh fear tuaileis mu’n cuairt a’ foillseachadh nithe dìomhair; ach esan a ta firinneach ’na spiorad, ceilidh e ni. 14 Far nach ’eil comhairle, tuitidh sluagh; ach ann an lìonmhoireachd chomhairleach tha tèaruinteachd. 15 Ciurrar gu goirt esan a bhios an urras air coigreach; ach esan a dh’fhuathaicheas luchd urrais, bithidh e tèaruinte. 16 Gheibh bean ghràsail urram; agus cosnaidh daoine làidir saibhreas. 17 Ni an duine iochdmhor maith d’a anam féin; ach esan a ta an-iochmhor, claoidhidh (5) e fheoil féin. 18 Oibrichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aige-san a chuireas (6) fireantachd bithidh duais chinnteach. 19 Mar so tha fireantachd chum beatha; ach esan a leanas an t-olc, leanaidh e chum a bhàis féin e. 20 Is gràineileachd do’n Tighearn iadsan a tha fiar ’nan cridhe; ach is taitneach leis iadsan a tha ionraic (7) ’nan slighe. 21 Ge d’iadhadh làmh mu làimh, cha bhi an droch dhuine gun pheanas; ach saorar sliochd nam firean. 22 Mar fhail (8) òir ann an sròin muice, tha bean sgiamhach agus i as eugmhais tuigse (9). 23 Tha miann nam firean a mhàin maith; ach is e dòchas nan aingidh fearg. 24 Tha neach ann a sgaoileas, agus fàsaidh e ni’s saibhire (10); agus tha e ann a chumas tuilleadh ’sa ta ceart, ach thig e gu bochdainn. 25 Nithear an t-anam fial sultmhor (11); agus an ti a dh’uisgicheas, uisgichear mar an ceudna e féin. 26 Esan a chumas suas sìol (12), malluichidh an sluagh e; ach (1) iomlain. (2) cealgairean, luchd-eusaontais. (3) a’ chathair, am mòr-bhaile. (4) cridhe. Eabh. (5) buairidh. (6) shìol-chuireas. (7) iomlan, neo-lochdach. (8) sheud. (9) mothachaidh, eagnuidheachd. (10) cuirear an tuilleadh ris. (11) Sealbhaichidh an t-anam fial pailteas. (12) gràn. [TD 297] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XII. bithidh beannachd air ceann an ti a reiceas (1). 27 Esan a dh’iarras maith gu dùrachdach, gheibh e deadh-ghean (2); ach an ti a dh’iarras olc, thig e air féin. 28 Esan a dh’earbas as a shaibhreas, tuitidh e; ach mar ghéig, thig na fireana fo bhlàth. 29 Esan a chuireas a theaghlach féin fo bhuaireas (3), bithidh e ’na oighre air a’ ghaoith; agus an t-amadan ’na sheirbhiseach dha-san a tha glic ’na chridhe. 30 Is craobh beatha toradh an fhìrein; agus tha esan a chosnas anama glic. 31 Feuch, bheirear luigheachd (4) do’n fhìrean air an talamh: nach mò na sin do’n aingidh agus do’n pheacadh? CAIB. XII. ESAN a ghràdhaicheas fòghlum, gràdhaichidh e eòlas; ach esan a dh’fhuathaicheas achmhasan, tha e amaideach (5). 2 Gheibh duine maith deadh-ghean o’n Tighearn; ach dìtidh e fear nan droch innleachd. 3 Cha daingnichear duine le h-aingidheachd; ach cha ghluaisear freumh nam firean. 4 Tha bean mhaith (6) ’na crùn d’a fear; ach mar lobhadh ’na chnàmhaibh tha ise a nàiricheas e. 5 Is ceartas (7) smuainte nam firean; ach is cealg comhairlean nan aingidh. 6 Is iad briathra nan aingidh feall-fheitheamh air son fola; ach tearnaidh beul nan ionraic iadsan. 7 Tilgear na h-aingidh bun os ceann, agus cha bhi iad ann; ach seasaidh tigh nam firean. 8 A réir a ghliocais molar duine; ach nìthear dìmeas airsan a tha fiar ’na chridhe. 9 Is fearr esan air an deanar tàir, agus a tha ’na sheirbhiseach dha féin (8), na esan a bheir urram dha féin, agus a bhios a dhìth arain. 10 Bithidh cùram aig an duine ionraic do bheatha ’ainmhidh; ach is an-iochdmhor truacantais nan aingidh. 11 Esan a threabhas (9) fhearann, sàsuichear le h-aran e; ach esan a leanas daoine dìomhain, tha e gun tuigse (10). 12 Miannaichidh an t-aingidh lìon dhroch dhaoine; ach bheir freumh nam firean tòradh (11). 13 Le peacadh a bhilean ribear an droch dhuine; ach thig am firean as o airc (12) 14 Do thoradh a bhéil sàsuichear duine le maith, agus ìocar luigheachd làmh duine dha féin. 15 Tha slighe an amadain ceart ’na shùilibh féin; ach tha esan a dh’éisdeas re comhairle, glic. 16 Aithnichear air ball (13) fearg an amadain; ach ceilidh duine ciallach (14) masladh. 17 Esan a labhras an fhìrinn, foillsichidh e ceartas (15); ach foillsichidh fianuis bhreugach cealg. (1) a bheir air a bhi air a reiceadh. (2) deadh rùn. (3) a thogas an-riaghailt ’na thigh féin. (4) luaigheachd, duais. (5) mar ainmhidh. (6) bean na subhailce, nan deadh bheus. (7) ionracas. (8) aig am bi seirbhiseach. (9) shaothraicheas. (10) as eugmhais cridhe. Eabh. (11) fàsaidh, daingnichear freumh nam firean. (12) theanntachd. (13) san àm; san là. Eabh. (14) crionna, glic. (15) Labhraidh am firean, agus foillsichidh e an fhìrinn. [TD 298] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XIII. 18 Tha dream ann a labhras mar lotaibh claidheimh; ach is slàinte teanga nan daoine glice. 19 Bithidh bile na firinn seasmhach gu bràth; ach cha bhi an teanga bhreugach ach car tiota. 20 Is cealg a bhios an cridhe luchd-deilbh an uilc; ach do chomhairleachaibh na sìthe bithidh gairdeachas. 21 Cha’n éirich aimhleas (1) air bith do’n fhìrean; ach lìonar na h-aingidh le h-olc. 22 Is gràineileachd do’n Tighearna bilean nam breug; ach is iad an droing a ni gu firinneach, a thlachd. 23 Ceilidh duine ciallach (2) eòlas; ach foillsichidh cridhe nan amadan amaideachd. 24 Riaghlaidh làmh nan dìchiollach; ach bithidh làmh na leisge (3) fo chìs. 25 Ni iomaguin (4) ann an cridhe duine a chromadh sìos; ach ni focal maith sòlasach e. 26 Is fearr am firean na a choimhearsnach; ach cuiridh slighe nan aingidh air seacharan iad féin. 27 Cha ròist an leisgein a shitheann (5); ach is luachmhor saibhreas an duine dhìchiollaich. 28 Ann an slighe na fireantachd tha beatha; agus ’na ceum cha n’éil bàs (6). CAIB. XIII. EISDIDH mac glic re teagasg athar; ach cha’n éisd fear na fochaid re achmhasan. 2 Do thoradh a bheoil ithidh duine ni maith; ach ithidh (7) anam nam fealltair (8) ainneart. 3 Esan a choimhideas a bheul, gleidhidh e ’anam; ach esan a dh’fhosglas a bhilean, thig sgrios air. 4 Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi aige; ach nìthear anam nan dìchiollach sultmhor. 5 Is beag air an fhìrean na breugan; ach fàsaidh an droch dhuine gràineil, agus nàirichear e. 6 Gleidhidh fireantachd esan a ta ionraic ’na shlighe: ach claoidhidh aingidheachd am peacach (9). 7 Tha neach ann a leigeas air a bhi beartach (10), agus gun ni air bith aige; tha neach ann a leigeas air a bhi bochd, agus mòr shaibhreas aige. 8 Is e éirig (11) anama duine a shaibhreas; ach cha chluinn am bochd achmhasan. 9 Ni solus nam firean aoibhneach; ach cuirear as lòchran nan aingidh. 10 O uabhar a mhàin thig consachadh; ach aig na daoinibh a ghabhas deadh chomhairle tha gliocas. 11 Lùghdaichear saibhreas an dìomhanais; ach esan a chruinnicheas le saothair (12), meudaichidh e. 12 Ni an dòchas anns an cuirear moille (13), an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann (14) ’nuair a thig e. (1) urchoid. (2) crìonna, eagnaidheach. (3) ceilge. (4) dubhachas. (5) an ni a ghlac e le seilg. (6) ach treòraichidh rathad seachranach gu bàs. (7) fuilgidh. (8) nan cealgair, luchd-eusaontais. (9) peacadh. Eabh. (10) a ni e féin saibhir. (11) fuasgladh. (12) le ’làimh. Eabh. (13) an dòchas a shìnear. (14) fonn, togradh. [TD 299] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XIV. 13 Esan a ni tàir air focal, millear e; ach esan air am bi eagal roimh àithne, gheibh e luigheachd. 14 Is tobar beatha lagh an duine ghlic, chum dol as o lìontaibh a’ bhàis. 15 Bheir tuigse mhaith deadh-ghean; ach is cruaidh slighe luchd-eusaontais. 16 Ni gach duine ciallach (1) a ghnothuch le h-eôlas; ach leigidh an t-amadan ris ’amaideachd. 17 Tuitidh an droch theachdaire ann an olc; ach is slàinte an teachdaire dìleas. 18 Bochdainn agus nàire bithidh dhasan a dhiùltas fòghlum; ach an ti aig am bi meas air achmhasan, gheibh e urram. 19 Is milis do’n anam am miann a choimhlionar; ach is beag air amadanaibh dealachadh ris an olc. 20 An ti a shiùbhlas le daoinibh glic, bithidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan. 21 Leanaidh olc peacaich; ach do na fireanaibh ìocar maith. 22 Fàgaidh duine maith oighreachd aig cloinn a chloinne; ach taisgear do’n fhìrean maoin a’ pheacaich. 23 Bithidh mòran bìdh ann an treabhadh nam bochd; ach bithidh neach ann a sgriosar a dhìth breitheanais. 24 An ti a chaomhnas a shlat, is beag air a mhac; ach an ti leis an ionmhuinn e, smachdaichidh se e ’na thràth. 25 Ithidh am firean gu sàsachadh ’anama; ach bithidh dìth air broinn nan aingidh. CAIB. XIV. CUIRIDH gach bean ghlic a tigh suas; ach leagaidh a’ bhean amaideach sìos e le a làmhaibh féin. 2 Esan a ghluaiseas ’na ionracas, bithidh eagal an Tighearna air; ach esan a ta fiar ’na shlighibh, ni e tàir air. 3 Ann am beul an amadain tha slat uabhair; ach gleidhidh bilean nan daoine glic iad. 4 Far nach bi daimh, bithidh a’ phrasach glan; ach bithidh fàs mòr le neart an daimh. 5 Cha dean an fhianuis dhìleas breug; ach labhraidh an fhianuis chealgach (2) breugan. 6 Iarraidh fear na fochaid gliocas, agus cha’n fhaigh e; ach do’n ti a thuigeas tha eòlas furas (3). 7 Imich as làthair an duine amaidich, ’nuair nach mothaich thu ann bilean an eòlais. 8 Is e gliocas an duine chiallaich a shlighe a thuigsinn; ach is cealg amaideachd nan amadan. 9 Ni amadain magadh do’n pheacadh; ach am measg nam firean tha deadh-ghean. 10 Is aithne do chridhe duine searbhas ’anama; agus ’na aoibhneas cha bhi comh-roinn aig coigreach (4). 11 Tilgear tigh nan aingidh bun os cionn; ach thig pàilliun nan ionraic fo bhlàth. 12 Tha slighe ann a chithear dìreach le duine; ach is iad a crìoch slighean a’ bhàis. 13 Ann an gàire féin bithidh an cridhe brònach; agus is e deireadh an t-subhachais sin tuirse. 14 Le shlighibh féin lìonar esan a thionndaidh air ais ’na (1) crìonna, glic. (2) bhreugach. (3) furasd. (4) neach eile. [TD 300] chridhe; agus uaith féin sàsuichear an duine maith. 15 Creididh an duine baoghalta (1) gach focal; ach bheir an duine ciallach an aire d’a cheum. 16 Bithidh eagal air an duine ghlic, agus tréigidh e ’n t-olc; ach tha’n t-amadan borb (2), agus dàna. 17 An ti air am bi fearg gu h-obann, ni e gu h-amaideach; agus fuathaichear fear nan droch innleachd. 18 Sealbhaichidh daoine baoghalta amaideachd mar oighreachd; ach crùnar na daoine ciallach le h-eòlas. 19 Cromaidh droch dhaoine an làthair dhaoine maith, agus na h-aingidh aig geataibh an fhìrein. 20 Eadhon le choimhearsnach féin fuathaichear duine bochd; ach is lìonmhor iad leis an ionmhuinn an duine saibhir. 21 An ti a ni tàir air a choimhearsnach, peacaichidh e; ach is sona an ti a ghabhas truas do na bochdaibh. 22 Nach d’théid iadsan air seacharan a dhealbhas an t-olc? ach bithidh tròcair agus firinn aca-san a dhealbhas am maith. 23 Anns gach saothair bithidh tairbhe; ach thig cainnt nam bile a mhàin gu h-uireasbhuidh. 24 Is e crùn nan daoine glic an saibhreas; ach is amaideachd amaideachd nan amadan. 25 Saoraidh fianuis fhìor anama; ach labhraidh fianuis chealgach breugan. 26 Ann an eagal an Tighearna tha aobhar earbsaidh làidir; agus aig a chloinn bithidh dìdean. 27 Is e eagal an Tighearna tobar na beatha, chum dol as o lìontaibh a’ bhàis. 28 Ann an lìonmhoireachd sluaigh tha urram an righ; ach ann an dìth sluaigh tha milleadh an uachdarain. 29 An ti a tha mall chum feirge, tha e pailt ann an tuigse; ach esan a tha dian ’na spiorad, ardaichidh e amaideachd. 30 Is e beatha na feòla, cridhe fallain; ach is e lobhadh nan cnàmh, an tnù. 31 An ti a shàruicheas (3) am feumach, masluichidh e a Chruith-fhear; ach bheir an ti sin urram dha, a ghabhas truas do’n bhochd. 32 ’Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t-aingidh; ach bithidh dòchas aig an fhìrean ’na bhàs. 33 Ann an cridhe an duine thuigsich gabhaidh gliocas tàmh; ach aithnichear an ni a ta ’n taobh a stigh nan amadan. 34 Ardaichidh fireantachd cinneach; ach is e am peacadh masladh sluaigh air bith (4). 35 Bithidh deadh-ghean an righ aig seirbhiseach glic; ach bithidh fhearg ’na aghaidh-san a bhios ’na aobhar nàire. CAIB. XV. PILLIDH freagradh mìn corruich; ach dùisgidh briathra garg fearg. 2 Cuiridh teanga nan daoine glic an céill eòlas gu ceart; ach dòirtidh beul nan amadan a mach amaideachd. (1) neo-gheur, aon-fhillte, simplidh. (2) feargach. (3) bhruthas. (4) nan slògh. [TD 301] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XV. 3 Tha sùilean an Tighearna anns gach àit, ag amharc air na droch dhaoinibh agus air na deadh dhaoinibh. 4 Is craobh beatha teanga fhallain (1); ach is briseadh spioraid fiaradh innte. 5 Ni amadan tàir air teagasg ’athar; ach is ciallach an ti a bheir an aire do achmhasan. 6 Ann an tigh an fhìrein tha mòran ionmhais; ach ann an teachd-a-stigh an aingidh tha buaireas. 7 Sgaoilidh bilean nan daoine glic eòlas; ach cha dean cridhe nan amadan mar sin. 8 Is gràineileachd do’n Tighearn ìobairt nan aingidh; ach is i ùrnuigh nan ionraic a thlachd. 9 Is gràineileachd do’n Tighearna slighe an aingidh; ach is ionmhuinn leis an ti a leanas an déigh fireantachd. 10 Is searbh smachdachadh dha-san a thréigeas an t-slighe; ach gheibh esan le’m fuathach achmhasan, bàs. 11 Tha ifrinn agus sgrios fa chomhair an Tighearna: cia mòr is mò na sin cridheacha chloinn nan daoine? 12 Cha toigh le fear-fochaid esan a chronaicheas e; agus a dh’ionnsuidh dhaoine glice cha d’théid e. 13 Ni cridhe subhach gnùis shuilbhir; ach le bròn a’ chridhe brisear an spiorad. 14 Iarraidh cridhe an duine thuigsich eòlas; ach beathaichear beul nan amadan le amaideachd. 15 Tha uile laithean an duine thruaigh olc; ach is cuirm a ghnàth an cridhe ait. 16 Is fearr beagan le h-eagal an Tighearna, na ionmhas mòr, agus buaireas leis. 17 Is fearr lòn (2) do luibhibh, far am bi gràdh, na damh biadhta agus fuath leis. 18 Dùisgidh fear feargach consachadh; ach esan a ta mall chum feirge, ciuinichidh e aimhreit (3). 19 Tha slighe an leisgein (4) mar ghàradh (5) droighinn; ach tha rathad nan ionraic air a dheanamh réidh. 20 Ni mac glic athair aoibhneach; ach ni mac (6) amaideach tàir air a mhàthair. 21 Is aobhar aoibhneis amaideachd dha-san a tha as eugmhais gliocais (7); ach imichidh fear na tuigse gu dìreach. 22 Gun chomhairle, thig rùinte (8) gu neo-ni; ach ann an lìonmhoireachd chomhairleach daingnichear iad. 23 Bithidh aoibhneas aig duine le freagradh a bheoil; agus focal ’na thràth, cia maith e! 24 Tha slighe na beatha shuas do’n duine ghlic, chum dol as o ifrinn shìos. 25 Sgriosaidh an Tighearna, tigh nan uaibhreach; ach daingnichidh e crìoch na bantraich. 26 Is gràineileachd do’n Tighearna smuainte dhroch dhaoine; ach is briathra taitneach briathra nam fior-ghlan. 27 Bheir esan buaireas air a thigh féin, a tha sanntach air buannachd; ach bithidh esan le’m fuathach duais-bhratha, beo. (1) chiuin, shìothchail. (2) dìneir, biadh-nòin. (3) stri. (4) lundaire. (5) challaid. (6) duine. (7) cridhe. Eabh. (8) smuainte. [TD 302] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XVI. 28 Smuainichidh cridhe an fhìrein cionnus is còir dha freagairt; ach dòirtidh beul nan aingidh a mach droch nithe. 29 Tha’n Tighearna fada o na h-aingidh; ach éisdidh e re h-ùrnuigh nam firean. 30 Ni solus nan sùl an cridhe aoibhneach; agus bheir deadh chliu smior do na cnàmhaibh. 31 Gabhaidh a’ chluas a dh’èisdeas re achmhasan na beatha, còmhnuidh am measg nan daoine glic. 32 An ti a dhiùltas fòghlum, ni e tàir air anam féin; ach an ti a dh’éisdeas re achmhasan, gheibh e tuigse (1). 33 Is e eagal an Tighearna fòghlum a’ ghliocais; agus roimh urram tha irioslachd. CAIB. XVI. THA deasachadh cridhe duine, agus freagradh na teanga o’n Tighearna (2). 2 Tha uile shlighean duine glan ’na shùilibh féin; ach cothromaichidh (3) an Tighearna ’na spioraid. 3 Tabhair t’oibre thairis do’n Tighearn, agus daingnichear do smuainte. 4 Rinn an Tighearna gach ni air a shon féin, agus mar an ceudna an t-aingidh air son latha (4) an uilc. 5 Is gràineileachd do’n Tighearna gach neach a ta uaibhreach ’na chridhe: ge d’iadhadh làmh mu làimh, cha bhi e gun pheanas (5). 6 Trìd tròcair agus firinn glanar euceart; agus trìd eagail an Tighearna tréigear an t-olc. 7 An uair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighibh duine, bheir e air a naimhdibh féin a bhi ann an sìth ris. 8 Is fearr beagan le h-ionracas, na teachd-a-stigh mòr gun cheartas. 9 Smuainichidh cridhe duine air a shlighe; ach is e’n Tighearn a stiuireas a cheumanna. 10 Tha fàisneachd (6) air bilibh an righ: ann am breitheanas cha dean a bheul euceart. 11 Is leis an Tighearna toimhsean agus meidhean ceart (7): is iad uile chlacha-tomhais a’ mhàla (8) obair-san. 12 Is gràineileachd do righribh aingidheachd a dheanamh; oir le h-ionracas daingnichear an righ-chaithir. 13 Is taitneach do righribh bilean an ionracais, agus is ionmhuinn leo esan a labhras nithe cearta. 14 Tha fearg righ mar theachdairean bàis; ach ciuinichidh (9) duine glic i. 15 Ann an solus gnùise righ tha beatha; agus tha a dheadh-ghean mar neul an uisge dheireannaich. 16 Cia mòr is fearr gliocas fhaotainn (10) na òr, agus is ròghnuiche tuigse fhaotainn na airgiod? 17 Is e rathad (11) mòr nan ionraic an t-olc a thréigsinn: an ti a choimhideas a shlighe, gleidhidh e ’anam. (1) cridhe. Eabh. (2) Feudaidh duine a smuaintean ulluchadh; ach o’n Tighearna tha freagradh na teanga. (3) measaidh. (4) là, lò. (5) cha mheasar neo-chiontach e, cha d’théid e saor as. (6) fàistineachd. (7) a’ cheartais. Eabh. (8) a’ bhuilg. (9) ceannsaichidh. (10) a chosnadh. (11) slighe. [TD 303] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XVII. 18 Roimh sgrios théid uabhar; agus roimh leagadh spiorad ardanach. 19 Is fearr a bhi do spiorad iriosal maille riu-san a ta ciuin, na a’ chreach a roinn maille ris na h-uaibhrich. 20 An ti a ni gnothuch gu tuigseach, gheibh e maith: agus an ti a dh’earbas as an Tighearn, is sona e. 21 Goirear duine crìonna (1) do’n ti a tha glic ’na chridhe, agus meudaichidh milse nam bile fòghlum. 22 Is tobar beatha an tuigse do’n ti aig am bheil i; ach is amaideachd fòghlum nan amadan. 23 Ni cridhe an duine ghlic a bheul tuigseach, agus air a bhilibh cuiridh e fòghlum. 24 Mar chìr-mheala tha briathra taitneach, milis do’n anam, agus ’nan slàinte do na cnàmhaibh. 25 Tha slighe ann a tha ceart ann an sealladh duine; ach is iad slighean a’ bhàis a crìoch. 26 An ti a shaothraicheas, saothraichidh e air a shon féin; oir iarraidh a bheul air e. 27 Cladhaichidh an duine neo-dhiadhuidh olc; agus air a bhilibh bithidh mar theine loisgeach. 28 Togaidh (2) an duine fiar (3) aimhreit; agus dealaichidh fear na cogarsaich cairde sònraichte. 29 Meallaidh fear an fhoirneirt a choimhearsnach, agus bheir e air imeachd air slighe nach ’eil maith. 30 Druididh e a shùilean chum smuaineachadh air nithibh fiara; a’ gluasad (4) a bhilean, bheir e olc gu crìch. 31 Is coron glòire an ceann liath, a gheibhear ann an slighe an ionracais. 32 Is fearr an ti a ta mall chum feirge na gaisgeach, agus an ti a riaghlas a spiorad féin na esan a ghlacas ard-bhaile (5). 33 Anns an uchd tilgear an crannchur; ach is ann o’n Tighearna a tha a riaghladh gu léir. CAIB. XVII. Is fearr greim tioram, agus suaimhneas leis, na tigh làn do ìobairtibh (6) maille re h-aimhreit. 2 Riaghlaidh seirbhiseach tuigseach os cionn a’ mhic a bhios ’na aobhar nàire; agus am measg nam bràthar roinnidh e an oighreachd (7). 3 Tha a’ phoit-ghlanaidh air son an airgid, agus an àmhuinn (8) airson an òir; ach dearbhaidh an Tighearna na cridheacha. 4 Bheir an droch dhuine an aire do bhilibh na h-euceirt (9); éisdidh am breugaire re teanga an aimhleis. 5 An ti a ni fanoid air a’ bhochd, bheir e masladh d’a Chruith-fhear: an ti a ni gairdeachas re dòruinn (10), cha bhi e neo-chiontach (11). 6 Is iad clann an cloinne coron sheann daoine; agus is iad an aithriche urram (12) cloinne. (1) ciallach, tuigseach. (2) Dùisgidh, sìol-chuiridh. (3) coirbte, ana-mèineach. (4) gluasachd. (5) cathair. (6) do nithibh matha, do dheadh ghleus. (7) bithidh cuibhrionn aige do’n oighreachd. (8) fhuirneis. (9) bhilibh cealgach, breugach. (10) sgrios neach eile. (11) gun pheanas. (12) uaill, glòir. [TD 304] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XVIII. 7 Cha ’n’eil cainnt na mòralachd (1) ciatfach do’n amadan: nach lugha na sin a tha bilean na bréige ciatfach do dhuine mòr (2)? 8 Is clach uasal tiodhlacadh ann an sùilibh an ti aig am bi e (3): ge b’e taobh gus an tionndaidh e, soirbhichidh leis. 9 An ti a cheileas cionta, cosnaidh (4) e gràdh; ach esan a dh’aithriseas ni, dealaichidh e cairde. 10 Drùthaidh achmhasan ni’s mò air duine glic, na ceud buille air amadan. 11 Is ceannairc a mhàin a dh’iarras an droch dhuine; uime sin cuirear teachdaire an-iochdmhor ’na aghaidh. 12 Tachaireadh mathghamhuin air call a cuilean air duine, ni’s luaithe na amadan ’na amaideachd. 13 Ge b’e dh’ìocas olc air son maith, cha dealaich olc r’a thigh. 14 Mar gu’n leigeadh neach a mach uisgeacha, tha toiseach aimhreite; uime sin mu’n sgaoil (5) a’ chomh-stri, leig dhìot i. 15 Tha’n ti a shaoras an t-aingidh, agus an ti a dhìteas am firean, araon ’nan gràineileachd do’n Tighearn. 16 C’arson a ta luach ann an làimh amadain a dh’fhaotainn gliocais, agus e gun rùn (6) aige? 17 Anns gach àm gràdhaichidh caraid, agus rugadh bràthair fa chomhair teinn (7). 18 Is duine gun tuigse a bhuaileas a làmh, a théid an urras am fianuis (8) a charaid. 19 Gràdhaichidh esan peacadh, a ghràdhaicheas aimhreit: an ti a dh’ardaicheas a dhorus, iarraidh e sgrios. 20 An ti a ta fiar ’na chridhe, cha’n fhaigh e maith; agus an ti a ta lùbach (9) ’na theangaidh, tuitidh e ann an olc. 21 An ti a ghineas amadan, ginidh se e chum a dhoilgheis féin; oir cha bhi sòlas aig athair amadain. 22 Ni cridhe subhach maith mar leigheas; ach tiormaichidh spiorad briste na cnàmha. 23 Bheir droch dhuine tiodhlacadh as ’uchd, a chlaonadh shlighean a’ bhreitheanais. 24 Fa chomhair (10) an duine thuigsich tha gliocas; ach tha sùilean amadain ann an iomall na talmhainn. 25 Tha am mac amaideach ’na dhoilgheas d’a athair, agus ’na shearbhas dh’ise a rug e. 26 Mar an ceudna cha ’n’eil e maith peanas a dheanamh air an fhìrean, no ard uaislean a bhualadh airson ceartais. 27 Caomhnaidh an ti aig am bheil eòlas a bhriathran; agus bithidh fear na tuigse ciuin (11) ’na spiorad. 28 Measar an t-amadan féin, ’nuair a bhios e ’na thosd, ’na dhuine glic; agus an ti a dhruideas a bhilean, ’na dhuine tuigseach. CAIB. XVIII. A REIR a thograidh iarraidh esan a sgaras e féin, agus buinidh e ris gach gliocas. 2 Cha ’n’eil tlachd aig an amadan ann an tuigse, ach (1) cainnt òirdheirc. (2) uasal, ard. (3) a gheibh e. (4) iarraidh. (5) mu’m measgar. (6) chridhe. Eabh. (7) àmhghair. (8) airson. (9) fiar, carach. (10) Ann an gnùis. (11) iriosal, òirdheirc. [TD 305] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XIX. gu’m foillsicheadh a chridhe e féin. 3 ’Nuair a thig an t-aingidh, thig mar an ceudna tarcuis, agus maille re mi-chliu masladh. 4 Mar uisgeacha domhain tha briathra beoil duine; mar shruth sgaoilteach tha tobar a’ ghliocais. 5 Cha ’n’eil e maith gabhail re gnùis (1) an droch dhuine, chum am firean a thilgeadh bun os cionn ann am breitheanas. 6 Théid bilean an amadain ann an aimhreit, agus gairmidh a bheul air buillibh. 7 Is e beul amadain a sgrios, agus is iad a bhilean ribe anama féin. 8 Tha briathra fir na cogarsaich (2) mar lotaibh (3), agus théid iad sìos gu ionadaibh ìochdarach a’ chuim. 9 Mar an ceudna an ti sin a ta leasg ’na obair, is bràthair e do’n mhillteir mhòr (4). 10 Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am firean d’a ionnsuidh, agus bithidh e tèaruinte (5). 11 Is e beartas an duine shaibhir a chathair (6) làidir, agus mar bhalladh ard ’na bheachd féin. 12 Roimh sgrios bithidh cridhe duine uaibhreach, agus roimh urram bithidh irioslachd. 13 An ti a bheir freagradh ann an cùis mu’n cluinn e i, is amaideachd agus nàire dha e. 14 Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò is urrainn spiorad briste (7) a ghiùlan? 15 Gheibh cridhe an duine chrìonna (8) eòlas; agus iarraidh cluas nan daoine glic eòlas. 16 Ni tiodhlacadh duine àite dha, agus bheir e ’n làthair dhaoine mòra e. 17 Saoilear gu bheil a’ chòir aige-san, a tha air thoiseach ann an agairt a chùise; ach thig a choimhearsnach, agus rannsaichidh se e. 18 Bheir an crannchur air aimhreitibh sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich. 19 Tha bràthair air a bhrosnachadh ni’s cruaidh r’a chosnadh na cathair (9) làidir; agus tha aimhreitean bhràithre mar chrannaibh lùchairte (10). 20 Le toradh béil duine lìonar a bhrù; agus le piseach (11) a bhilean sàsuichear e. 21 Tha bàs agus beatha ann an cumhachd (12) na teanga; agus ithidh esan leis an ionmhuinn i d’a toradh. 22 An ti a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air ni maith, agus gheibh e deadh-ghean o’n Tighearn. 23 Le h-impidhibh (13) labhraidh an duine bochd; ach freagraidh an duine saibhir gu garbh. 24 Feumaidh fear aig am bi cairdean, cairdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas ni’s dlùithe na bràthair. CAIB. XIX. Is fearr am bochd a ghluaiseas ’na ionracas, na esan a tha fiar ’na bhilibh (14), agus e ’na amadan. (1) pearsa. (2) cogaruich. (3) mar bhriathraibh tlàth. (4) do fhear na h-anacaitheadh. (5) ardaichear e. (6) a mhòr-bhaile. (7) brùite, leònta. (8) chiallaich, thuigsich. (9) mòr-bhaile. (10) tùir, dùin, daingnich. (11) fàs, toradh. (12) làimh. Eabh. (13) asluchadh. (14) shlighibh. [TD 306] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XIX. 2 Mar an ceudna cha mhaith do’n anam a bhi as eugmhais eòlais; oir an ti a ni cabhag le chasaibh, tuislichidh e (1). 3 Claonaidh amaideachd duine a shlighe, agus an aghaidh an Tighearna ni a chridhe gearan (2). 4 Ni saibhreas mòran chairde; ach sgarar am bochd o a charaid (3). 5 Cha bhi fianuis bhreugach gun pheanas (4); agus an ti a labhras breugan, cha d’théid e as. 6 Iarraidh mòran deadh-ghean an duine mhòir (5); agus bithidh gach duine ’na charaid do fhear nan tiodhlac (6). 7 Bheir uile bhràithrean an duine bhochd fuath dha: nach mò na sin a théid a chairdean am fad uaith? leanaidh e iad le briathraibh, ach tha iad a dhìth air (7). 8 An ti a gheibh gliocas (8), gràdhaichidh e ’anam féin; an ti a ghleidheas tuigse, gheibh e maith. 9 Cha bhi fianuis bhreugach gun pheanas, agus sgriosar an ti a labhras breugan. 10 Cha ’n’eil aoibhneas iomchuidh do amadan; is lugha na sin do sheirbhiseach riaghladh oscionn uachdarana. 11 Ni tuigse duine e mall chum feirge, agus is i a ghlòir amharc thairis air eucoir. 12 Mar bheucaich leòmhain tha fearg righ; ach mar dhrùchd air feur tha a dheadh-ghean. 13 Is aobhar doilgheis d’a athair mac amaideach; agus mar shìor-shileadh uisge tha aimhreitean mnà. 14 Is iad oighreachd aithriche tigh agus saibhreas; ach is ann o’n Tighearn a tha bean chiallach (9). 15 Bheir leisge air duine tuiteam ann an trom chodal; agus fuilingidh an t-anam dìomhanach ocras. 16 An ti a ghleidheas an àithne, gleidhidh e ’anam féin; ach an ti a ni tàir air (10) a shlighibh, gheibh e bàs. 17 An ti a ghabhas truas do’n bhochd, bheir e air iasachd (11) do’n Tighearn; agus an ni a bheir e uaith, ìocaidh e dha arìs. 18 Smachdaich do mhac am feadh a ta dòchas d’a thaobh, agus na caomhnadh t’anam air son a ghearain (12). 19 Fuilingidh fear na feirge mòire peanas; oir ma shaoras tu e, feumaidh tu dheanamh arìs. 20 Eisd re comhairle, agus gabh fòghlum, chum gu’m bi thu glic ann ad laithibh deireannach (13). 21 Is lìonmhor na smuaintean ann an cridhe duine; ach is i comhairle an Tighearna a sheasas. 22 Is e tlachd duine a chaoimhneas; agus is fearr duine bochd na breugaire. 23 Treòraichidh eagal an Tighearna gu beatha, agus gheibh esan a bhios air a lìonadh leis fois; cha’n fhiosraichear le h-olc e. (1) théid e air seacharan, peacaichidh e. (2) bithidh fearg air a chridhe. (3) choimhearsnach. (4) neo-chiontach. (5) a’ phrionnsaidh, an uachdarain. (6) dhasan a bheir tiodhlacan seachad. (7) tha iad gun éifeachd. (8) cridhe. Eabh. (9) thuigseach. (10) a dhearmadas, nach toir an aire do. (11) an coingheall. (12) ach na tog t’anam chum a mhilleadh. (13) Faic Deut. Caib. viii. r. 16. [TD 307] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XX. 24 Folaichidh an leisgein a làmh ’na bhrollach (1); uiread as chum a bhéil cha tabhair e i arìs. 25 Buail fear-fochaid, agus bithidh an duine neo-gheur air fhaicill; agus cronaich duine tuigseach, agus tuigidh e eòlas. 26 An ti a chreachas (2) ’athair, agus a dh’fhògras a mhàthair, is mac a bheir nàire agus masladh e. 27 Sguir, a mhic, do éisdeachd ris an teagasg, a chuireas air seacharan o bhriathraibh an eòlais. 28 Ni fianuis aingidh (3) tarcuis air breitheanas; agus sluigidh beul dhroch dhaoine euceart. 29 Dh’ulluicheadh breitheanais do luchd-fochaid, agus buillean do dhruim nan amadan. CAIB. XX. Is cealgach an ni fion (4), is buaireasach an ni deoch làidir; agus ge b’e neach a mheallar leo, cha ’n’eil e glic. 2 Mar bheucaich leòmhain tha eagal righ: an ti a bhrosnuicheas e gu feirg, peacaichidh e an aghaidh ’anama féin. 3 Is urramach an ni do fhear fantuinn (5) o aimhreit: ach measgaidh gach amadan innte. 4 Airson an fhuachda (6) cha treabh an leisgein; iarraidh e déirc anns an fhoghara, ach cha’n fhaigh e. 5 Mar uisge domhain tha comhairle ann an cridhe duine, ach tairngidh fear na tuigse nìos i. 6 Gairmidh mòran dhaoine gach aon diubh a mhaitheas féin: ach cò a gheibh duine firinneach? 7 Gluaisidh am firean ’na ionracas: sona bithidh a mhic ’na dhéigh. 8 ’Nuair a shuidheas righ air caithir-bhreitheanais, sgaoilidh (7) e gach olc le shùilibh. 9 Cò a dh’fheudas a ràdh, Ghlan mi mo chridhe, tha mi glan o m’ pheacadh? 10 Aon chothrom agus cothrom eile, aon soitheach-tomhais agus soitheach-tomhais (8) eile, is gràineileachd iad araon do’n Tighearn. 11 Aithnichear eadhon leanabh le a bheusaibh, am bi a dheanadas glan, agus am bi e ceart. 12 A’ chluas a chluinneas, agus an t-sùil a chi, rinn an Tighearn iad araon. 13 Na gràdhaich codal, air eagal gu’n d’thig thu gu bochdainn; fosgail do shùilean, agus sàsuichear thu le h-aran. 14 Is olc, is olc e, ars’ an ceannuiche; ach an uair a dh’imicheas e roimhe, an sin ni se uaill. 15 Tha òr ann, agus mòran do chlachaibh luachmhor (9); ach is iad bilean an eòlais an seud a’s luachmhoire. 16 Gabh eudach an ti a chaidh an urras air coigreach, agus airson bana-choigrich gabh an geall uaith. 17 Is milis le duine aran na (1) aslaich, asgail. (2) a mhilleas, a chlaoidheas. (3) fianuis do Bhelial. Eabh. (4) Is fear-magaidh am fion. Eabh. (5) sgur. (6) a’ gheamhraidh. (7) sgapaidh. (8) clach agus clach, ephah agus ephah. Eabh. Faic Deut. Caib. XXV. r. 14. (9) neamhnuidibh; peninim. Eabh. [TD 308] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXI. ceilge; ach ’na dhéigh sin lìonar a bheul do ghaineamh (1). 18 Daingnichear gach tionsgnadh le comhairle; agus le comhairle ghlic dean cogadh. 19 A’ foillseachadh nithe dìomhair, imichidh fear-tuaileis mu’n cuairt (2): uime sin ris-san a ni miodal le bhilibh (3) na biodh gnothuch agad. 20 Ge b’e mhalluicheas ’athair, no a mhàthair, cuirear as a lòchran ann an duibhre dorchadais. 21 Feudar oighreachd fhaotainn gu luath an toiseach; ach cha bhi a crìoch beannuichte. 22 Na h-abair, Iocaidh mi olc airson uilc: feith air an Tighearn, agus saoraidh e thu. 23 Is gràineileachd do’n Tighearn aon chlach-thomhais agus clach-thomhais eile, agus cha ’n’eil meidhean cealgach maith. 24 Is ann o’n Tighearn a tha ceumanna duine; oir cionnus a thuigeas duine a shlighe fein? 25 Is ribe e do dhuine itheadh do’n ni a ta naomha, agus an déigh bhòid fiosrachadh (4). 26 Sgapaidh righ glic na h-aingidh, agus bheir e air an roth teachd thairis orra. 27 Is e spiorad (5) duine lòchran an Tighearna, a’ sgrùdadh (6) gach ionaid an taobh a stigh do’n chom. 28 Gleidhidh tròcair agus firinn righ; seadh, le tròcair daingnichear a righ-chaithir. 29 Is e urram dhaoine òga an neart; agus is e maise sheann daoine, an ceann liath. 30 Glanaidh guirme (7) cneidhe olc; mar sin glanaidh buillean na bheil an taobh a stigh do’n chom (8). CAIB. XXI. MAR shruthaibh uisgeacha tha cridhe righ ann an làimh an Tighearna: ge b’e taobh is àill leis, tionndaidhidh se e. 2 Tha uile shlighean duine ceart ’na shùilibh féin; ach measaidh an Tighearna na cridheacha. 3 Ceartas a dheanamh agus breitheanas, is ròghnuiche leis an Tighearna na ìobairt. 4 Is peacach sealladh ard, agus cridhe uaibhreach, lòchran nan aingidh (9). 5 Bheir gu deimhin smuaintean an duine dhìchiollaich gu pailteas; ach thig gach neach a ta gun fhoighidin (10) da rìreadh gu dìth. 6 Ionmhasan fhaotainn le teangaidh bhreugaich, is dìomhanas e air a luasgadh a null agus a nall aig an droing a dh’iarras am bàs. 7 Sgriosaidh reubainn nan aingidh iad, a chionn gu’n diùlt iad breitheanas a dheanamh. 8 Fiar agus coimheach tha slighe duine; ach a thaobh an fhìor-ghloin, tha a dheanadas dìreach. 9 Is fearr còmhnuidh a ghabhail ann an oisinn mullaich tighe, na maille re mnaoi aimhreitich ann an tigh farsaing (11). 10 Miannaichidh anam an aingidh olc: cha’n fhaigh a (1) ghairbheal, gharbh-ghaineamh. (2) Faic Caib. XI. r. 13. (3) a tha bras le bhilibh. (4) dàil a chur ’nan coimhlionadh. (5) anam. (6) rannsachadh, fiosrachadh. (7) salchar, bréine. (8) olc a’ chridhe. (9) agus treabhadh nan aingidh. (10) dian, cabhagach. (11) comuinn, comh-chuideachd. [TD 309] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXII. choimhearsnach deadh-ghean ’na shùilibh. 11 ’Nuair a nìthear peanas air fear-fochaid, fàsaidh am baoghalta (1) glic; agus an uair a dh’fhòghlumar an duine glic, gheibh e eòlas. 12 Bheir am firean an aire gu glic do thigh an aingidh: tilgear (2) na h-aingidh bun os cionn air son an aingidheachd. 13 An ti a dhruideas a chluas re glaodh an duine bhochd, glaodhaidh e féin mar an ceudna, ach cha’n éisdear ris. 14 Ciuinichidh (3) tiodhlacadh ann an dìomhaireachd fearg; agus duais san uchd, corruich dhian. 15 Is aoibhneas do’n fhìrean bhreitheanas (4) a dheanamh; ach thig sgrios air (5) luchd-deanamh na h-euceirt. 16 An duine a théid air seacharan o shlighe na tuigse, fanaidh e ann an coimhthional nam marbh. 17 Bithidh esan ’na dhuine bochd a ghràdhaicheas sògh (6); an ti a ghràdhaicheas fion agus ola, cha’n fhàs e saibhir. 18 ’Na éiric air son an fhìrein bithidh an t-aingidh, agus air son nan ionraic an duine fealltach (7). 19 Is fearr còmhnuidh a ghabhail ann am fàsach (8), na maille re mnaoi aimhreitich agus fheargaich. 20 Tha ionmhas taitneach agus oladh ann an àite-còmhnuidh an duine ghlic; ach caithidh an t-amadan e. 21 An ti a leanas fireantachd agus tròcair, gheibh e beatha, fireantachd, agus urram (9). 22 Do chathair (10) nan daoine treun streapaidh an duine glic, agus leagaidh e sìos neart a h-earbsaidh. 23 An ti a ghleidheas a bheul agus a theanga, gleidhidh e ’anam o theanndachdaibh. 24 Fear-magaidh uaibhreach, ardanach is ainm dhasan, a ghiùlaineas e féin ann an corruich an uabhair. 25 Marbhaidh miann an leisgein e; oir diùltaidh a làmhan obair a dheanamh. 26 Air feadh an latha sanntaichidh e gu mòr; ach bheir am firean uaith, agus cha chaomhain e. 27 Is gràineileachd ìobairt nan aingidh: cia mòr is mò, ’nuair a bheirear suas i le droch rùn? 28 Sgriosar fianuis bhreugach; ach an ti a dh’éisdeas, labhraidh e chum deadh chrìche (11). 29 Cruaidhichidh an droch dhuine ’eudan; ach ni esan a ta ionraic a shlighe dìreach (12). 30 Cha ’n’eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna. 31 Deasaichear an t-each fa chomhair latha a’ chatha, ach is ann o’n Tighearn a tha tèaruinteachd (13). CAIB. XXII. IS ròghnuiche ainm maith na mòr shaibhreas, agus deadh-ghean na airgiod agus òr. (1) neo-gheur, simplidh. (2) tilgidh Dia. (3) Traoghaidh, mùchaidh. (4) ceartas. (5) is aobhar uamhais e do. (6) aoibhneas, aighear. (7) ciontach. (8) an tìr fhàsail. Eabh. (9) glòir. (10) ard bhaile, bhaile daingnichte. (11) a ghnàth, am feasd. (12) deasaichidh esan a ta ionraic a shlighe. (13) saorsa, buaidh. [TD 310] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXII. 2 Coinnichidh am beartach (1) agus am bochd a chéile: is e’n Tighearn a rinn iad gu léir. 3 Chi an duine crìonna (2) olc, agus folaichidh se e féin; ach gabhaidh na daoine baoghalta (3) air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas. 4 Trìd irioslachd [agus] eagail an Tighearna, thig saibhreas, agus urram, agus beatha. 5 Tha droighionn agus ribeacha ann an slighe an duine fhiair: an ti a ghleidheas anam féin, théid e am fad uatha. 6 Teagaisg leanabh a thaobh na slighe air an còir dha imeachd; agus an uair a bhios e sean, cha tréig e i. 7 Riaghlaidh am beartach oscionn nam bochd; agus bithidh an ti a ghabhas an coingheall (4) ’na sheirbhiseach dha-san a bheir an coingheall. 8 An ti a shìol-chuireas euceart, buainidh e dìomhanas; agus caithear (5) slat fheirge. 9 Beannuichear esan aig am bheil sùil fhial (6); oir bheir e d’a aran do’n bhochd. 10 Tilg a mach am fear-fochaid, agus théid consachadh a mach; seadh, sguiridh comhstri agus masladh. 11 An ti leis an ionmhuinn gloine cridhe, is taitneach a bhilean, bithidh (7) an righ ’na charaid aige. 12 Coimhididh sùilean an Tighearna eòlas; ach tilgidh e bun os cionn briathran a’ chiontaich. 13 Their an leisgein, Tha leòmhan am muigh, anns na sràidibh marbhar mi. 14 Is slochd domhain beul bhan coimheach; an ti a’s gràineil (8) leis an Tighearna, tuitidh e ann. 15 Tha amaideachd ceangailte ann an cridhe leinibh; ach cuiridh slat an smachdachaidh am fad uaith i. 16 An ti a shàruicheas am bochd a mheudachadh a mhaoin féin, agus an ti a bheir do’n t-saibhir, thig e gu deimhin gu h-uireasbhuidh. 17 Aom do chluas, agus éisd re briathraibh dhaoine glice, agus socraich do chridhe air m’eòlas-sa: 18 Oir is taitneach an ni e, ma ghleidheas tu iad ann ad chom (9), ma bhitheas iad araon deas air do bhilibh. 19 Chum gu’m biodh t’earbsa as an Tighearna, nochd mi dhuit an diugh, eadhon dhuitse. 20 Nach do scrìobh mi dhuit nithe òirdheirc, ann an comhairlibh, agus an eòlas? 21 Chum gu nochdainn duit cinnte bhriathar na firinn; chum gu freagradh tu briathra na firinn dhoibhsan a chuireas fios a t’ionnsuidh? 22 Na creach am bochd a chionn gu bheil e bochd, agus na sàruich an truaghan anns a’ gheata: 23 Oir tagraidh an Tighearn an cùis, agus millidh e anam na muinntir a mhilleas iad. 24 Na dean suas cairdeas ris an fheargach, agus maille re (1) saibhir. (2) ciallach, geur, léirsinneach. (3) neo-gheur, simplidh. (4) air iasachd. (5) fàilnichidh. (6) mhaith, thruacanta. (7) air son gràis no deadh-ghean a bhilean bithiah, &c. (8) fuathach. (9) an taobh a stigh dhìot. (10) dh’fhoillsich. [TD 311] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXIII. fear na h-ard chorruich na h-imich; 25 Air eagal gu’n ionnsuich thu a shlighean, agus gu’m faigh thu ribe do t’anam. 26 Na bi dhiubhsan a bhuaileas an làmhan (1), no dhiubhsan a thèid an urras airson, fhiach. 27 Mur ’eil ni agad gu dìoladh c’arson a bheirteadh (2) uait do leaba a ta fodhad. 28 Na h-atharraich an seann chomhara-crìche, a shuidhich t’aithriche. 29 Ma chi thu fear a bhios eathlamh (3) ’na ghnothuichibh, seasaidh e ’n làthair righre, cha seas e an làthair dhaoine ìosal. CAIB. XXIII. ’NUAIR a shuidheas tu a dh’itheadh maille re h-uachdaran, thoir an ro-aire do na bheil fa d’ chomhair; 2 Agus cuir sgian red’ sgornan, ma’s duine thu air do thabhairt do chraos. 3 Na miannaich a nithe milse (4); oir is biadh mealltach iad. 4 Na saothraich gu fàs saibhir, leig dhìot do ghliocas féin. 5 An cuir thu do shùilean air an ni nach ’eil ann; oir gu cinnteach ni saibhreas, sgiathan dha féin, mar iolaire a dh’itealaicheas chum nan nèamh (5). 6 Na h-ith aran an ti aig am bheil droch shùil, agus na miannaich a nithe milse. 7 Oir mar a smuainicheas e ’na anam, mar sin bithidh e: Ith agus òl, their e riut, ach chi bhi a chridhe leat. 8 An greim a dh’ith thu, sgeithidh tu nìos, agus caillidh tu do bhriathra milse. 9 Na labhair ann an cluasaibh amadain; oir ni e tàir air gliocas do bhriathar. 10 Na h-atharraich an seann chomhara-crìche, agus air achaibh nan dìlleachdan na bris a steach: 11 Oir tha am fear-saoraidh cumhachdach; tagraidh e an cùis a’t’ aghaidh (6). 12 Aom do chridhe re fòghlum, agus do chluasan re briathraibh eòlais. 13 Na cum smachdachadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, cha’n fhaigh e bàs. 14 Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu ’anam o ifrinn (7). 15 A mhic, ma bhios do chridhe glic, ni mo chridhe-sa gairdeachas, eadhon mo chridhe-sa: 16 Seadh, ni m’airnean gairdeachas, ’nuair a labhras do bhilean nithe cearta. 17 Na gabhadh do chridhe farmad re peacachaibh: ach bi an eagal an Tighearna air feadh an là uile. 18 Oir gu deimhin tha crìoch ann, ach (8) cha ghearrar as do dhòchas. 19 Eisd thusa, a mhic, agus bi glic, agus treòraich do chridhe anns an t-slighe. 20 Na bi am measg phòiteirean fiona, am measg luchd comh-ithidh geòcach feòla. 21 Oir thig am misgeir agus an geòcaire gu bochdainn; agus eudaichidh turra-chodal (9) duine le luideagaibh. (1) a bheir an làmhan seachad. (2) a bheireadh neach. (3) grad, deas. (4) annasach. (5) nan speur, nan neul. (6) riut. (7) o’n uaigh, o’n bhàs. (8) luigheachd ann, agus. (9) codaltachd, lundaireachd, leisge. [TD 312] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXIV. 22 Eisd re t’athair a ghin thu, agus na dean tàir air do mhàthair ’nuair a bhios i aosda. 23 Ceannaich an fhìrinn, agus na reic i; mar an ceudna gliocas, agus fòghlum, agus tuigse. 24 Ni athair an fhìrein mòr ghairdeachas; agus ni esan a ghineas mac glic, aoibhneas ann. 25 Ni t’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus ni ise a rug thu gairdeachas. 26 A mhic, thoir dhomhsa do chridhe, agus coimhideadh do shùilean mo shlighean. 27 Oir is staing (1) dhomhain strìopach, agus is slochd cumhang bana-choigreach. 28 Tha i mar an ceudna re feall-fheitheamh mar chreachadair (2), agus cuiridh i luchd-dòbheirt (3) an lìonmhoireachd am measg dhaoine. 29 Cò d’am buin truaighe? cò a ta re bròn (4)? cò aig am bheil consachadh (5)? cò a ta re gearan? cò air am bheil lotan gun aobhar? cò aig am bheil deirge shùl? 30 Iadsan a dh’fhanas fad aig an fhìon, iadsan a théid a dh’iarraidh fiona measgta. 31 Na h-amhairc thusa air an fhìon an uair a bhios e dearg, ’nuair a bheir e a dhath sa’ chupan, a théid e sìos dìreach (6). 32 Ma dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an righ-nathair (7) sàthaidh e ghath. 33 Amhaircidh do shùilean air mnaibh coimheach, agus cuiridh do chridhe an céill nithe claona. 34 Agus bithidh tu mar an ti a luidheas sìos ann am meadhon na fairge, no mar esan a luidheas air bàrr croinn-siuil. 35 Bhuail iad mi, their thu, agus cha robh mi tinn; ghabh iad orm, agus cha do mhothaich mi: c’uin a dhùisgeas mi? an sin iarraidh mi fathast e. CAIB. XXIV. NA gabh farmad re droch dhaoinibh, agus na miannaich a bhi maille riu. 2 Oir smuainichidh an cridhe air milleadh, agus labhraidh am bilean mu dhonas (8). 3 Le gliocas togar tigh, agus le tuigse daingnichear e; 4 Agus le h-eòlas lìonar a sheomraiche leis gach saibhreas luachmhor agus taitneach. 5 Tha’n duine glic ’na dhuine làidir, agus tha fear an eòlais treun an neart. 6 Oir le comhairle ghlic ni thu do chogadh; agus ann an lìonmhoireachd chomhairleach tha tèaruinteachd. 7 Tha gliocas ard airson amadain: anns a’ gheatadh na fosgladh e a bheul. 8 Esan a smuainicheas air (9) olc a dheanamh, goirear fear nan droch innleachd dheth. 9 Is peacadh smuainte na h-amaideachd; agus is e fear na fochaid gràin dhaoine. 10 Ma dh’fhannaicheas (10) tu ann an latha an àmhghair (11), is beag do neart. 11 Ma dhearmadas tu iadsan a thearnadh a thairngear chum bàis, agus iadsan a tha ullamh gu bhi air am marbhadh; 12 Ma their thu, Feuch, cha (1) slochd. (2) air son creiche. (3) luchd-eusaontais, fealltairean. (4) acain. (5) aimhreitean. (6) a ghluaiseas e gu ceart. (7) nathair-nimhe. (8) aimhleas, urchoid. (9) a dhealbhas, a thùras. (10) lagaicheas. (11) na teanndachd. [TD 313] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXIV. robh fios againn air so; nach toir esan a chothromaicheas an cridhe fa’near? agus nach bi fios aige-san a choimhideas t’anam? agus nach ìoc e do gach duine a réir a ghnìomhara? 13 A mhic, ith thusa mil, do bhrìgh gu bheil i maith, agus a’ chìr mheala a tha milis do d’ bhlas. 14 Mar sin bithidh eòlas a’ ghliocais do t’anam, ma gheibh thu e; agus an uair a thig do chrìoch, cha ghearrar as (1) do dhòchas. 15 Na dean feall-fholach, a dhroch dhuine, an aghaidh àite-còmhnuidh an fhìrein; na creach ’ionad-tàimh. 16 Oir seachd uairean tuitidh am firean, agus éiridh e rìs; ach tuitidh na h-aingidh ann an olc. 17 ’Nuair a thuiteas do nàmhaid, na bi aoibhneach, agus an uair a thuislicheas e, na deanadh do chridhe gairdeachas: 18 Air eagal gu’m faic an Tighearn, agus gu’m bi e olc (2) ’na shùilibh, agus gu’n tionndaidh e fhearg uaith. 19 Na biodh campar ort mu dhroch dhaoinibh, agus na gabh farmad ris na h-aingidh (3): 20 Oir cha bhi crìoch mhaith (4) air an droch dhuine; cuirear lòchran nan aingidh as. 21 A mhic, biodh eagal an Tighearna agus an righ ort: riu-san aig am bheil atharrachadh giùlain (5) na biodh gnothuch agad: 22 Oir gu h-obann thig (6) an dòruinn; agus cò d’am fios an sgrios araon? 23 Buinidh na nithe so mar an ceudna do dhaoinibh glice. Cha mhaith an ni gnùis aithneachadh ann am breitheanas (7). 24 Esan a their ris an aingidh, Tha thu cothromach (8), malluichidh an sluagh e, gabhaidh na fineacha gràin deth. 25 Ach bithidh toil-inntinn aca-san a chronaicheas e, agus thig beannachadh maith orra. 26 Pògar bilean an ti a bheir freagradh ceart. 27 Ulluich t’obair am muigh, agus deasaich i dhuit féin anns an achadh, agus ’na dhéigh sin tog do thigh. 28 Na bi t’fhianuis gun aobhar an aghaidh do choimhearsnaich, agus na meall le d’ bhilibh. 29 Na h-abair, Mar a rinn e orm, mar sin ni mi air: ìocaidh mi do’n duine a réir ’oibre. 30 Ghabh mi seachad air fearann an duine leisg, agus air fion-lios an duine gun tuigse: 31 Agus feuch, bha e uile air fàs suas le cluaranaibh (9), chòmhdaich an eanntagach (10) ’aghaidh, agus bhriseadh sìos a bhalladh cloiche. 32 An sin chunnaic mi, thug mi an aire gu maith (11); dh’amhairc mi, fhuair mi fòghlum. 33 Fathast beagan codail, beagan clò-chodail, beagan pasgaidh (12) nan làmh gu codal: 34 Ansin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus t’uir- (1) agus bithidh duais ann, agus cha ghearrar as. (2) mi-thaitneach. (3) Faic Salm XXXVII. r. 1. (4) duais, luigheachd. (5) a tha caochlaideach, so-ghluaiste. (6) éiridh. Eabh. (7) Faic Lebhit. Caib. XIX. r. 15. (8) ceart, ionraic. (9) oighionnaich, droighnich. (10) ionntagach. (11) shocraich mi mo chridhe. Eabh. (12) fillidh. [TD 314] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXV. easbhuidh mar dhuine fuidh armaibh. CAIB. XXV. Is iad so mar an ceudna gnàth-fhocail Sholaimh, a dh’ath-scrìobh daoine Heseciah righ Iudah. 2 Is i glòir Dhé ni a cheiltinn; ach is e urram righre ni a rannsachadh. 3 Tha nèamh air airde, agus an talamh air doimhne, agus cridhe righre do-rannsachaidh. 4 Buin an salchar o’n airgiod, agus thig soitheach a mach do’n òr-cheard. 5 Buin an droch dhuine as làthair an righ, agus daingnichear ann am fireantachd a righchaithir. 6 Na gabh urram dhuit féin ann am fianuis righ, agus na seas ann an àite dhaoine mòra: 7 Oir is fearr gu’n abrar riut, Thig a nìos an so, na gu cuirear sìos thu am fianuis an uachdarain a chunnaic do shùilean. 8 Na gabh a mach gu h-obann gu strì, air eagal nach bi fios agad ciod a ni thu ’na dhéigh sin, anuair a bheir do choimhearsnach gu nàire thu (1). 9 Tagair do chùis re d’ choimhearsnach, agus na foillsich rùn-dìomhair do neach eile: 10 Air eagal gu cuir an ti a chluinneas gu nàire thu, agus nach atharraichear (2) do mhasladh. 11 Mar ùbhlan òir ann an dealbhaibh airgid, tha focal a labhrar gu h-iomchuidh. 12 Mar chluas-fhàinne òir, agus mar usgair do’n òr fhìor-ghlan, tha fear-cronachaidh glic aig cluais fhurachair. 13 Mar fhuachd sneachdaidh ann an àm an fhogharaidh, tha teachdaire dìleas dhoibhsan a chuireas uatha e; oir ath-bheothaichidh e anam a mhaighstir. 14 Mar neoil agus mar ghaoith gun uisge tha am fear a ni uaill a tiodhlacadh ga breugach. 15 Le fad-fhulangas cuirear impidh air uachdaran, agus brisidh teanga mhìn cnàimh. 16 An d’fhuair thu mil? ith ni’s leòr dhuit dith; air eagal gu làn-shàsuichear thu, agus gu sgeith thu i. 17 Tarruing do chos a tigh do choimhearsnaich, air eagal gu’m bi e sgìth dhìot, agus gu fuathaich e thu. 18 Is ord, agus claidheamh, agus saighead gheur, am fear a bheir fianuis bhréige an aghaidh a choimhearsnaich. 19 Mar fhiacail bhriste, agus mar chois as an alt, tha earbsadh a duine neo-dhìleas ann an latha airce. 20 Mar esan a bheir air falbh eudach ann an latha fuachda, mar fhìon-geur air creag-shalann (3), mar sin tha esan a sheinneas òrain do’n chridhe thuirseach. 21 Ma bhios do nàmhaid (4) ocrach, thoir aran dha r’a itheadh; agus ma bhios e ìotmhor (5), thoir uisge dha r’a òl: 22 Oir carnaidh tu eibhle teine air a cheann (6), agus bheir an Tighearna luigheachd (7) dhuit. (1) air eagal gu’n dean thu ni-eigin ’na dhéigh sin, air son an cuir do choimhearsnach gu nàire thu. (2) pillear. (3) nitre. Sasg. (4) an ti aig am bheil fuath dhuit. (5) tartmhor, pàiteach. (6) Faic Rom. Caib. XII. r. 20. (7) duais. [TD 315] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXVI. 23 Cuiridh a’ ghaoth a tuath air falbh an t-uisge (1); mar sin cuiridh a’ ghnùis fheargach air falbh teanga a’ chùl-chàinidh. 24 Is fearr còmhnuidh a ghabhail ann an oisinn mhullaich tighe, na maille re mnaoi aimhreitich ann an tigh farsaing. 25 Mar uisgeacha fuar do’n anam thartmhor, mar sin tha deadh sgeul a tìr chéin. 26 Mar thobar air a chur troimh a chéile, agus mar fhuaran a thruailleadh, tha am firean a thuislicheas am fianuis an aingidh. 27 Cha ’n’eil e maith mòran meala itheadh; agus cha ghlòir e do dhaoinibh an glòir féin iarraidh (2). 28 Mar chathair (3) briste sìos, gun bhalladh, tha am fear aig nach ’eil ceannsal air a spiorad féin. CAIB. XXVI. MAR shneachda san t-samhradh, agus mar uisge san fhogharadh, mar sin cha ’n’eil urram iomchuidh (4) do’n amadan. 2 Mar eun air faondradh, mar an gobhlan-gaoithe ag itealaich, mar sin cha d’thig am mallachadh gun aobhar. 3 Sciùrs (5) do’n each, srian do’n asal, agus slat do dhruim nan amadan. 4 Na freagair amadan a réir ’amaideachd, air eagal gu’m bi thu féin cosmhuil ris. 5 Freagair amadan a réir ’amaideachd, air eagal gu’m bi e glic ’na shùilibh féin. 6 Gearraidh esan dheth a chosan, òlaidh e dochann, a chuireas teachdoireachd le làimh amadain. 7 Cha’n ionann cosan (6) a’ bhacaich; mar sin tha gnàth-fhocal ann am beul amadana. 8 Mar neach a cheanglas clach ann an crann-tàbhuill, mar sin tha esan a bheir urram do amadan. 9 Mar a théid bior suas ann an làimh misgeir, mar sin tha gnàth-fhocal ann am beul amadana. 10 Bheir an Dia mòr, a dhealbh gach ni, duais do’n amadan (7), agus bheir e duais do luchd-eusaontais. 11 Mar a philleas madadh chum a sgeith féin, pillidh amadan chum amaideachd féin. 12 Am bheil thu faicinn duine a tha glic ’na bharail (8) féin? tha aobhar dòchais ni’s mò do’n amadan na dheth-san. 13 Their an leisgein (9), Tha leòmhan san t-slighe, leòmhan anns na sràidibh. 14 Mar a thionndaidheas an dorus air a lùdnanaibh (10), mar sin an leisgein air a leabaidh. 15 Folaichidh an leisgein a làmh ’na bhrollach, is doilich leis (11) a toirt chum a bhéil. 16 Is glice an leisgein ’na bharail féin, na seachdnar a bheir freagradh gu ceart. 17 Mar neach a bheireas air madadh air a chluasaibh, tha (1) Bheir a’ ghaoth a tuath a mach uisge. (2) ach is urramach an ni bhi ’g iarraidh urraim. (3) mhòr-bhaile. (4) ciatfach. (5) Sciùrsair. (6) Togar casan. (7) Claoidhidh duine mòr gach neach, agus bheir e duais do’n amadan. (8) ’na shùilibh. Eabh. (9) leisgear, lundaire. (10) lùdaganaibh. (11) is saothair leis. [TD 316] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXVII. esan a théid seach, agus a ghabhas gnothuch re conspoid nach buin da. 18 Mar fhear air boile, a thilgeas leusan-teine, saighdean, agus bàs, 19 Mar sin tha am fear a mheallas a choimhearsnach, agus a their, Nach ann re fearaschuideachd (1) a tha mi? 20 Far am bi dìth connaidh, théid an teine as; agus far nach bi fear-cogarsaich (2), sguiridh a’ chomh-stri. 21 Mar ghual do eibhlibh, agus mar chonnadh do theine, mar sin tha fear nan aimhreit a dhùsgadh strì. 22 Tha briathra fir na cogarsaich mar lotaibh (3), agus théid iad sìos gu ionadaibh ìochdarach a’ chuim. 23 Mar shoitheach creadha air a chòmhdachadh le sal airgid, tha bilean air lasadh agus cridhe olc. 24 Le bhilibh ceilidh (4) an ti a dh’fhuathaicheas; ach an taobh a stigh dheth taisgidh e cealg. 25 An uair a labhras e gu breagha, na creid e; oir tha seachd gràineileachda ’na chridhe. 26 An ti a chòmhdaicheas (5) fhuath le ceilg (6), foillsichear ’aingidheachd (7) am fianuis a’ chomh-chruinnich. 27 An ti a chladhaicheas slochd, tuitidh e féin ann; agus an ti a charuicheas clach, pillidh i air féin. 28 Fuathaichidh an teanga bhreugach iadsan d’an dean i dochair, agus oibrichidh am beul miodalach sgrios. CAIB. XXVII. NA dean uaill a thaobh an an latha màireach (8); oir cha ’n’eil fhios agad ciod a bheir là uaith. 2 Moladh neach eile thu, agus na b’e do bheul féin; coigreach, agus na b’iad do bhilean féin. 3 Is trom clach, agus is cudthromach an gaineamh; ach is truime corruich amadain na iad le chéile. 4 Is an-iochdmhor corruich, agus mar thuil tha fearg: ach cò is urrainn seasamh am fianuis tnùtha? 5 Is fearr achmhasan follaiseach na gràdh folaichte. 6 Is dìleas lotan caraid; ach is cealgach pògan eascaraid. 7 Gabhaidh an t-anam làn gràin do’n chìr-mheala; ach do’n anam ocrach (9) is milis gach ni searbh. 8 Mar eun air seacharan o a nead, mar sin tha am fear a théid air seacharan o ’aite féin. 9 Ni oladh-ungaidh agus boltrach an cridhe ait: mar sin ni milsead caraid duine le comhairle a chridhe. 10 Na tréig do charaid féin, no caraid t’athar, agus na rach (10) a steach do thigh do bhràthar ann an latha t’àmhghair (11): is fearr coimhearsnach am fagus na bràthair fad as. 11 Bi glic, a mhic, agus dean mo chridhe ait, agus bith- (1) sùgradh. (2) cogaraich. (3) bhriathraibh tlàth. (4) aithnichear. (5) dh’fholaicheas. (6) an uaigneas. (7) ’olcas. (8) an la’r-na-mhàireach. (9) acrach. (10) teirig, gabh. (11) t’urchoid. [TD 317] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXVIII. idh freagradh agam dhasan a bheir masladh dhomh (1). 12 Chi an duine crìonna olc, agus folaichidh se e féin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas (2). 13 Gabh eudach an ti a chaidh an urras air coigreach, agus air son bana-choigrich gabh an geall uaith. 14 An ti a bheannuicheas a charaid le guth ard, ag éirigh gu moch sa’ mhaduinn, measar e dha mar mhallachadh. 15 Tha sìor-shileadh uisge ann an latha frasach, agus bean aimhreiteach cosmhuil re chéile. 16 Ge b’e dh’fholaicheas i, folaichidh e a’ ghaoth, agus oladh-ungaidh a làimhe deise a bhrathas i féin. 17 Geuraichear iarunn air iarunn, agus geuraichidh duine gnùis a charaid. 18 Ge b’e ghleidheas craobh-fhìge, ithidh e d’a toradh; mar sin esan a dh’fheitheas air a mhaighstir, gheibh e urram. 19 Mar ann an uisge a fhreagras aghaidh do aghaidh, mar sin freagraidh cridhe duine do dhuine. 20 Cha sàsuichear ifrinn agus léir-sgrios (3), agus cha sàsuichear sùilean dhaoine. 21 Mar a’ phoit-ghlanaidh airson an airgid, agus an àmhuinn airson an òir, mar sin tha duine do bheul an ti a mholas e. 22 Ge do phronn thu amadan ann an soitheach-pronnaidh am measg cruithneachd le bruthadair (4), cha dealaich ’amaideachd ris. 23 Bitheadh aithne mhaith agad air staid (5) do chaorach; thoir an aire do d’ threudaibh: 24 Oir cha mhair beartas gu bràth: agus am mair an crùn o linn gu linn? 25 Nochdar am feur gearrta, agus taisbeanaidh am feur maoth (6) e fein, agus cruinnichear luibhean nam beann. 26 Bithidh na h-uain chum t’eudaich; agus is iad na gabhair luach t’fhearainn. 27 Agus bithidh ni’s leòr do bhainne ghabhar agad chum bìdh, chum bìdh do theaghlaich, agus chum beathachaidh do mhaighdeana (7). CAIB. XXVIII. TEICHIDH an t-aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bithidh na h-ionraic dàna mar leòmhan. 2 Airson eusaontais tìre bithidh mòran uachdaran oirre; ach le duine tuigseach eòlach nithear a staid buan. 3 Tha duine bochd a ni foirneart air bochdaibh, mar uisge millteach (8) nach fàg biadh ’na dhéigh. 4 Molaidh iadsan a thréigeas an lagh na h-aingidh; ach ni iadsan a ghleidheas an lagh strì (9) riu. 5 Cha tuig droch dhaoine breitheanas; ach tuigidh iadsan a dh’iarras an Tighearna na h-uile nithe. 6 Is fearr am bochd a dh’imicheas ’na ionracas, na esan a tha fiar ’na shlighibh, ge do robh e saibhir. 7 An ti a ghleidheas an lagh, (1) Faic Salm CXIX. r. 42. (2) Faic Caib. XXII. r. 3. (3) an uaigh agus am bàs. (4) pronnadair; pestil. Sasg. (5) aghaidhibh. Eabh. (6) min. (7) chailin, bhanoglach. (8) sgriosach. (9) còmhrag. [TD 318] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXVIII. is mac glic e; ach esan a ta ’na chompanach do luchd-craois, nàirichidh e ’athair. 8 An ti a mheudaicheas a mhaoin le h-ocar (1) agus le tairbhe eucoraich, cruinnichidh e dha-san a ghabhas truas do’n bhochd. 9 An ti a thionndaidheas a chluas o chluinntinn an lagha, bithidh ’ùrnuigh féin ’na gràineileachd. 10 An ti a chuireas na fireana air seacharan air droch shlighe, tuitidh e ’na shlochd féin; ach mealaidh na h-ionraic nithe maithe. 11 Is glic duine saibhir ’na bharail (2) féin; ach rannsaichidh an duine bochd aig am bi tuigse mach e. 12 ’Nuair a ni na fireana gairdeachas, bithidh glòir mhòr ann; ach an uair a dh’éireas na h-aingidh, folaichear (3) duine. 13 An ti a dh’fholaicheas a pheacanna, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thréigeas iad, gheibh e tròcair. 14 Is beannuichte an duine air am bi eagal a ghnàth; ach esan a chruaidhicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc. 15 Mar leòmhan beucach, agus mar mhathghamhuin a ruitheas anull agus anall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd. 16 Am fear-riaghlaidh aig nach ’eil tuigse, is mòr mar an ceudna am fear-foirneirt e; ach an ti a dh’fhuathaicheas sannt, sìnidh e a laithean. 17 An duine a ni ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an slochd; na cumadh aon duine e (4). 18 An ti a ghluaiseas gu h-ionraic, tearnar e; ach esan a tha fiar ’na shlighibh, tuitidh e dh’aon bheum. 19 An ti a threabhas fhearann, bithidh pailteas arain aige; ach esan a leanas an déigh dhaoine dìomhain, bithidh bochdainn gu leòr aige. 20 Bithidh duine firinneach pailt ann am beannachdaibh; ach esan a ni deifir (5) gu bhi saibhir, cha bhi e neo-chiontach. 21 Cha mhaith an ni gnùis aithneachadh (6); gidheadh air son greim arain ciontaichidh duine. 22 Ni fear na droch shùla deifir gu bhi saibhir; ach cha’n ’eil fhios aige gu’n d’thig bochdainn air. 23 An ti a chronaicheas duine, ’na dhéigh sin gheibh e ni’s mò do dheadh-ghean na esan a ni miodal le theangaidh. 24 An ti a ni reubainn air ’athair no air a mhàthair, agus a their, Cha’n ’eil cionta ann, is companach e do fhear-millidh. 25 An ti aig am bheil cridhe ardanach, dùisgidh e strì; ach esan a dh’earbas as an Tighearna, nìthear sultmhor (7) e. 26 An ti a dh’earbas as a chridhe féin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e. 27 An ti a bheir do’n bhochd, cha bhi dìth air; ach air an ti a dh’fholaicheas a shùilean bithidh iomadh mallachd. 28 ’Nuair a dh’éireas na h-aingidh, folaichidh daoine iad (1) an-riadh. (2) ’na shùilibh. Eabh. (3) iarrar, sirear. (4) na cuireadh duine sam bith stad air. (5) cabhag. (6) Faic Caib. XXIV. r. 23. (7) mealaidh e pailteas. [TD 319] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXIX. féin; ach an uair a sgriosar iad, fàsaidh na fireana lìonmhor. CAIB. XXIX. AM fear a chronaichear gu minic, gidheadh a chruaidhicheas a mhuineal, sgriosar e gu h-obann, agus sin gun leigheas. 2 ’Nuair a bhios na fireana cumhachdach (1), ni an sluagh gairdeachas; ach an uair a riaghlas na h-aingidh, ni an sluagh osnaich (2). 3 Am fear a ghràdhaicheas gliocas, ni e ’athair ait; ach esan a chumas cuideachd re strìopaichibh, caithidh e a mhaoin. 4 Le breitheanas daingnichidh an righ an tìr; ach sgriosaidh am fear a ghabhas tiodhlacan i. 5 Am fear a ni miodal r’a choimhearsnach, sgaoilidh e lìon airson a chos. 6 Ann an eusaontas droch dhuine tha ribe; ach seinnidh am firean, agus bithidh e aoibhneach. 7 Bheir am firean an aire do chùis nam bochd; ach cha ghabh an t-aingidh suim do eòlas a bhi aige oirre. 8 Bheir luchd-fochaid baile ann an ribe; ach pillidh daoine glice fearg. 9 Ma ni duine glic strì (3) re duine amaideach, co dhiubh a bhios fearg air, no ni e gàire, cha bhi fois ann. 10 Fuathaichidh daoine fuileachdach an duine ionraic; ach iarraidh daoine cothromach ’anam (4). 11 Cuiridh amadan an céill ’inntinn uile; ach cumaidh duine glic a stigh i gus an déigh sin. 12 Ma dh’éisdeas uachdaran re breugaibh, bithidh a sheirbhisich uile aingidh. 13 Coinnichidh am bochd agus an cealgair (5) a chéile; bheir an Tighearna solus d’an sùilibh araon. 14 Ma bheir righ breth air bochdaibh ann am firinn, daingnichear a righ-chaithir gu bràth. 15 Bheir an t-slat agus achmhasan gliocas uatha; ach cuiridh an leanabh (6) a dh’fhàgar dha féin nàire air a mhàthair. 16 ’Nuair a bhios na h-aingidh lìonmhor, bithidh eusaontas lìonmhor: ach chi na fireana an leagadh (7). 17 Cronaich do mhac, agus bheir e suaimhneas (8) dhuit; seadh, bheir e sòlas do t’anam. 18 Far nach ’eil taisbeanadh, leigear ris an sluagh; ach an ti a choimhideas an lagh, is sona esan. 19 Le briathraibh cha leasaichear seirbhiseach; oir ge do thuig e, cha fhreagair e. 20 Am bheil thu faicinn duine a tha dian (9) ’na bhriathraibh? tha aobhar dòchais ni’s mò do’n amadan na dheth-san. 21 Ma thogas neach a sheirbhiseach suas gu muirneach o bhi ’na leanabh, ma dheireadh bithidh e aige mar mhac. 22 Dùisgidh duine feargach aimhreit, agus bithidh fear na corruich (10) pailt ann an eusaontas. 23 Islichidh uabhar duine e; ach gheibh esan a ta iriosal ’na spiorad urram. (1) mòr, lìonmhor. (2) caoidh, bròn. (3) Ma bhios cùis-lagha aig duine glic. (4) a dheadh rùn. (5) fear an fhoirneirt. (6) òganach. (7) sgrios. (8) fois. (9) cabhagach. (10) na boile. [TD 320] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXX. 24 An ti a ni comh-roinn re gaduiche, fuathaichidh e ’anam féin: cluinnidh e mallachadh (1), ach cha’n fhoillsich e. 25 Bheir eagal duine ribe leis; ach ge b’e dh’earbas as an Tighearna, bithidh e tèaruinte (2). 26 Iarraidh mòran deadh-ghean (3) an uachdarain; ach is ann o’n Tighearna tha breitheanas gach duine. 27 Is e fear na h-euceirt gràineileachd nam firean; agus is e’n ti a tha ceart ’na shlighe gràineileachd nan aingidh. CAIB. XXX. BRIATHRAN Aguir mhic Iaceh, eadhon an fhàidheadaireachd (4): labhair an duine re h-Itiel, eadhon re h-Itiel agus re h-Ucal. 2 Gu deimhin tha mi ni’s amaidiche (5) na duine air bith, agus cha ’n’eil tuigse duine agam. 3 Agus cha d’fhòghluim mi gliocas, ni mò a tha eòlas agam air nithibh naomha (6). 4 Cò chaidh suas do nèamh, no thàinig anuas? cò chruinnich a’ ghaoth ’na dhornaibh? cò cheangail na h-uisgeacha ann an truscan? cò shuidhich uile chrìocha na talmhainn? ciod is ainm dha? agus ciod e ainm a mhic, ma ta fhios agad? 5 Tha uile fhocal Dé fior-ghlan: is sgiath e dhoibhsan a chuireas an dòigh ann. 6 Na cuir-sa ni air bith r’a bhriathraibh, air eagal gu cronaich e thu, agus gu faighear breugach thu. 7 Dà ni dh’iarr mi ort; na diùlt iad dhomh mum faigh mi bàs. 8 Dìomhanas agus breugan cuir fad uam; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathuich mi le biadh a bhios iomchuidh air mo shon, 9 Air eagal gum bi mi làn, agus gu’n àicheadh mi thu, agus gu’n abair mi, Cò e an Tighearn? no gu’m bi mi bochd, agus gu’n goid mi, agus gu’n toir mi ainm mo Dhé an dìomhanas. 10 Na dean casaid air seirbhiseach r’a mhaighstir, air eagal gu mallaich e thu, agus gu faighear ciontach thu. 11 Tha ginealach ann a mhallaicheas an athair, agus nach beannuich am màthair. 12 Tha ginealach ann a tha glan ’nan sùilibh féin, gidheadh nach ’eil air an nigheadh o an salchar. 13 Tha ginealach ann aig am bheil an sùilean arda, agus fàbhraidhean (7) an sùl air an togail suas. 14 Tha ginealach ann aig am bheil am fiacla mar chloidhean, agus am fiacla-cùil mar sgeana, a dh’itheadh suas nan truaghan (8) o’n talamh, agus nan feumach o mheasg dhaoine. 15 Aig an deal-each tha dithis nighean, ag éigeach, Tabhair, tabhair. Tha tri nithe ann nach sàsuichear, seadh, ceithir nithe nach abair, Is leòr e: 16 An uaigh, agus a’ bhrù neo-thorrach, an talamh nach sàsuichear le h-uisge, agus an teine nach abair, Is leòr e: 17 An t-sùil a ni magadh air athair, agus a ni tarcuis air (1) mionnachadh. (2) ardaichear e. (3) gnùis. Eabh. (4) an dàn. (5) brùideile. (6) Ge do tha mi ni’s amaidiche na duine air bith, &c. gidheadh tha eòlas agam air nithibh naomha. (7) fordhubha. (8) daoine bochda. [TD 321] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXXI. ùmhlachd do mhàthair, spìonaidh fithich a’ ghlinne a mach i, agus ithidh na h-iolairean òga suas i. 18 Tha tri nithe ann a’s iongantach leam, seadh, ceithir nithe nach aithne dhomh: 19 Slighe iolaire anns na speuraibh, slighe nathrach air carraig, slighe luinge ann am meadhon na fairge, agus slighe fir le h-òigh. 20 Mar so tha slighe ban-adhaltrannaiche: ithidh i, agus glanaidh i a beul, agus their i, Cha d’rinn mi olc air bith, 21 Airson tri nithe ghluaiseadh (1) an talamh, agus airson ceithir nach urrainn e ghiùlan: 22 Airson seirbhisich an uair a riaghlas e, agus airson amadain anuair a bhios e làn do bhiadh, 23 Air son mnà fhuathaich an uair a phòsar i, agus airson banoglaich an uair a bhios i ’na h-oighre air a banamhaighstir. 24 Tha ceithir nithe beaga air an talamh, ach tha iad ro-ghlic: 25 Tha na seangain ’nan sluagh nach ’eil làidir, gidheadh ulluichidh iad am biadh san t-samhradh; 26 Tha na coineana ’nam muinntir nach ’eil neartmhor, gidheadh togaidh iad an tighean anns na creagaibh; 27 Cha ’n’eil righ aig na locustaibh, gidheadh imichidh iad a mach uile ’nam buidhnibh; 28 Gabhaidh an damhan-alluidh greim le a làmhaibh, agus bithidh e ann an lùchairtibh nan righ. 29 Tha tri nithe a dh’imicheas gu maith, seadh, ceithir, a tha tlachdmhor ’nan siubhal: 30 An leòmhan a’s làidire am measg bheathaiche, agus nach pill air ais o aon air bith, 31 Mìol-chù, boc-gaibhre mar an ceudna, agus righ an aghaidh nach feudar éirigh. 32 Ma rinn thu gu h-amaideach le thu féin a thogail suas, no ma smuainich thu olc, cuir do làmh air do bheul. 33 Gu deimhin bheir crathadh (3) bainne im a mach, agus bheir fàsgadh na sròna fuil a mach: mar sin bheir dùsgadh corruich aimhreit amach. CAIB. XXXI. BRIATHRA righ Lemueil, an fhàidheadoireachd a theagaisg (4) a mhàthair dha. 2 Ciod, a mhic? agus ciod, a mhic mo bhronn? agus ciod, a mhic mo bhòidean? 3 Na tabhair do neart (5) do mhnaibh, no do shlighean do mhilleadh righre. 4 Cha ’n’eil e airson righre, a Lemueil, cha ’n’eil e air son righre fion òl, no airson uachdarana déidh a bhi aca air dibh làidir. 5 Air eagal gu’n òl iad, agus gu’n dì-chuimhnich (6) iad an lagh, agus gu’n claon iad breitheanas do aon sam bith do chloinn an àmhghair. 6 Thugaibh deoch làidir dha-san a tha ullamh gu bàsachadh, agus fion dhoibhsan a tha ann an searbhas anama (7). 7 Oladh e, agus dì-chuimh- (1) chriothnuich, bha mi-shuaimhneas air. (2) croslaichte ’na leasraidh. Eabh. (3) maistreachadh. Eir. (4) dh’ionnsuich. (5) do mhaoin. (6) dìochuimhnich. (7) aig am bheil cridhe tuirseach. [TD 322] GNATH-FHOCAIL. CAIB. XXXI. nicheadh e a bhochdain, agus na cuimhnicheadh e a thruaighe ni’s mò. 8 Fosgail do bheul airson an duine bhailbh, ann an cùis nan uile a tha air an orduchadh chum sgrios (1). 9 Fosgail do bheul, thoir breth le ceartas, tagair cùis an truaghain agus an fheumaich. 10 Cò gheibh bean shubhailceach (2)? oir tha a luach gu mòr os cionn chlach uasal (3). 11 Earbaidh cridhe a fir aisde, agus cha bhi feum aige air creich. 12 Iocaidh (4) i maith dha, agus cha’n e olc, rè uile laithean a beatha. 13 Iarraidh i olann agus lìon, agus oibrichidh i gu toileach le a làmhaibh. 14 Tha i mar longaibh nan ceannuiche, bheir i a biadh o thìr chéin (5). 15 Eiridh i mar an ceudna ’nuair is i an oidhche a ta fathast ann, agus bheir i lòn d’a teaghlach, agus cuibhrionn (6) d’a maighdeanaibh (7). 16 Measaidh i achadh, agus ceannchaidh si e: le toradh a làmh suidhichidh i fion-lios. 17 Crioslaichidh i a leasraidh le neart, agus neartaichidh si a gairdeana. 18 Mothaichidh i gu bheil a ceannachd maith: cha d’théid a coinneal as san oidhche. 19 Cuiridh i a làmhan air an dealgan, agus gabhaidh glacan a làmh greim don chuigeil. 20 Fosglaidh i a glac (8) do’n truaghan (9), agus sìnidh i a làmhan do’n fheumach. 21 Cha ’n’eil eagal oirre roimh ’n t-sneachda air son a teaghlaich; oir tha a teaghlach uile eudaichte le scarlaid (10). 22 Ni i dhi féin truscain do obair ghréis; do shìde (11) agus do chorcur tha a h-eudach. 23 Aithnichear anns na geataibh (12) a fear, an uair a shuidheas e maille re seanairibh na tìre. 24 Ni i lìon-eudach grinn, agus reicidh i e, agus bheir i criosan do’n cheannuiche. 25 Neart agus urram is eudach dhi, agus ni i gairdeachas san àm re teachd. 26 Fosglaidh i a beul le gliocas, agus tha lagh a’ chaoimhneis (13) air a teangaidh. 27 Bheir i an aire do shlighibh a teaghlaich, agus cha’n ith i aran an dìomhanais. 28 Eiridh a clann, agus beannuichidh iad i; a fear, agus molaidh e i. 29 Rinn mòran nighean gu subhailceach, ach thug thusa barrachd orra uile. 30 Is mealltach deadh-ghean, agus is dìomhain sgèimh; ach bean air am bi eagal an Tighearna, is ise a mholar. 31 Thugaibh dhi do thoradh a làmh, agus moladh a h-oibre féin anns na geataibh i. (1) uile chloinne na truaighe; uile mhac an sgrios. Eabh. (2) bean mhaith, bean nan deadh bheus. (3) chlach luachmhor, nèamhnuidean; peninim. Eabh. (4) Ni, bheir. (5) fad as. (6) obair chumta. (7) cailinibh. (8) a làmhan. (9) do’n duine bhochd. (10) le culaidhibh dà-fhillte. (11) shìoda. (12) anns a’ chomh-chruinneachadh. (13) na caomhalachd. [TD 323] ECLESIASTES, NO AN SEARMONUICHE. CAIB. I. BRIATHRAN an t-Searmonuiche, mhic Dhaibhidh, righ ann an Ierusalem. 2 Dìomhanas nan dìomhanas! ars’ an Searmonuiche; dìomhanas nan dìomhanas! is dìomhanas na h-uile nithe. 3 Ciod an tairbhe a th’aig duine ’na uile shaothair a ni e fuidh ’n ghréin? 4 Tha aon ghinealach a’ siubhal, agus ginealach eile a’ teachd; ach fanuidh an talamh gu bràth. 5 Eiridh mar an ceudna a’ ghrian, agus théid a’ ghrian fuidh (1), agus luathuichidh i d’a h-àite féin as an d’éirich i. 6 Théid a’ ghaoth a làimh na h-airde deas, agus théid i mu’n cuairt do’n airde tuath; théid i mu’n cuairt agus mu’n cuairt a ghnàth, agus ath-phillidh a’ ghaoth air a cuairtibh féin (2). 7 Ruithidh na h-aibhnean (3) uile chum na mara, gidheadh cha ’n’eil a’ mhuir làn: chum an àite as an d’thàinig na h-aibhne, thuige (4) sin pillidh iad a-rìs. 8 Tha na h-uile nithe làn do shaothair; cha’n urradh duine a chur an céill: cha sàsuichear an t-sùil le faicinn, agus cha lìonar a’ chluas le cluinntinn (5). 9 An ni a bha ann, is e an ni sin féin a bhitheas ann; agus an ni sin a rinneadh, is e an ni sin féin a nìthear; agus cha ’n’eil ni sam bith nuadh (6) fuidh’n ghréin. 10 Am bheil ni ann mu’m feudar a ràdh, Feuch, tha e so nuadh? Bha e ann a cheana san t-sean aimsir a bh’ann romhainn. 11 Cha ’n’eil cuimhne air bith air na nithibh a bha ann roimhe; cha mhò a bhios cuimhne air na nithibh a ta re teachd, aca-san a thig ’nan déigh. 12 Bha mise an Searmonuiche a’m’ righ air Israel ann an Ierusalem. 13 Agus thug mi mo chridhe a shireadh agus a rannsachadh (7) le gliocas, mu thimchioll gach ni a nìthear fuidh nèamh: an (1) luidhidh a’ ghrian. (2) a réir a cuairtean. (3) aimhnean. (4) chuige. (5) clàistinn. (6) nomha, ùr. (7) a dh’fhidireadh, a lorgachadh. [TD 324] ECLESIASTES. CAIB. II. t-saothair ghoirt so thug Dia do chloinn nan daoine (1), chum an cleachdadh féin rithe (2). 14 Chunnaic mi na h-uile oibre fuidh’n ghréin; agus feuch, is dìomhanas iad uile, agus buaireadh (3) spioraid. 15 An ni a ta cam, cha ghabh e deanamh dìreach; agus an ni a ta dh’easbhuidh, cha ghabh e àireamh (4). 16 Labhair mi re m’ chridhe féin, ag ràdh, Feuch, dh’fhàs mi mòr (5), agus fhuair mi tuilleadh gliocais na iadsan uile a bha romham ann an Ierusalem, agus chunnaic (6) mo chridhe mòran gliocais agus eòlais. 17 Agus thug mi mo chridhe a dh’fhaotainn eòlais air gliocas agus air cuthach (7) agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid a so mar an ceudna. 18 Oir ann am mòran gliocais tha mòran doilgheis (8); agus an ti a mheudaicheas eòlas, meudaichidh e bròn. CAIB. II. THUBHAIRT mi a’m’ chridhe, Teann (9) a nis, dearbhaidh mi thu le subhachas, uime sin meal maith (10): ach feuch, is dìomhanas so mar an ceudna. 2 Mu ghàire (11) thubhairt mi, Is cuthach e; agus mu shùgradh, Ciod a ni e? 3 Dh’iarr mi ann am chridhe mi féin (12) a thabhairt do fhìon, (gidheadh a’ seòladh mo chridhe ann an gliocas (13),) agus greim a ghabhail air amaideachd, gus am faicinn ciod e am maith sin do chloinn nan daoine bu chòir dhoibh a dheanamh fuidh nèamh, air feadh uile laithean am beatha. 4 Rinn mi oibre mòra dhomh féin: thog mi dhomh féin tighean; shuidhich mi dhomh féin fion-liosaichean. 5 Rinn mi dhomh féin gàrachan agus liosan chrann-meas, agus shuidhich mi annta craobhan do gach gnè thoraidh; 6 Rinn mi dhomh féin lochain (14) uisge, a dh’uisgeachadh leo na coille anns am fàs craobhan. 7 Fhuair mi òglaich agus banoglaich, agus rugadh seirbhisich (15) a’m’ thigh: bha mar an ceudna sealbha mòra bhuar agus threud (16) agam, os cionn nan uile a bha romham ann an Ierusalem. 8 Charn (17) mi suas mar an ceudna dhomh féin airgiod agus òr, agus ionmhas sònraichte nan righ agus nam mòr-roinn; fhuair mi dhomh féin fir-chiuil (18) agus mnài-chiuil, agus aoibhneasa chloinn nan daoine, mar a ta innil-chiuil (19), agus sin do gach gnè. 9 Mar sin bha mi mòr, agus dh’fhàs mi ni’s mò na gach duine a bha romham ann an Ierusalem: osbàrr, dh’fhan mo ghliocas agam. (1) mhacaibh an duine. (2) gu’n cràdhadh, gu’m feuchainn leatha. (3) cràdh. (4) cha bhi e comasach a dheanamh suas. (5) thàinig mi gu h-inbhe mhòir. (6) dh’airich, dh’fhiosraich. (7) boile. (8) carraid, diomaidh. (9) Thig. (10) sàimh. (11) Re gàire. (12) m’fheoil. Eabh. (13) a’ cleachdadh mo chridhe re gliocas. (14) linntean. (15) muinntirich. (16) chaorach. (17) Chruinnich. (18) fir sheinn. (19) abhaidh-chiuil. [TD 325] ECLESIASTES. CAIB. II. 10 Agus gach ni a mhiannaich mo shùilean cha do chum mi uatha; cha do bhac (1) mi mo chridhe o shubhachas sam bith: oir rinn mo chridhe aoibhneas ann am shaothair uile; agus b’e so mo chuibhrionn do m’uile shaothair. 11 Ansin sheall mi air m’oibribh uile a rinn mo làmhan, agus air an t-saothair anns an do shaothraich mi ’ga deanamh: agus feuch, bu dìomhanas an t-iomlan, agus buaireadh spioraid, agus cha robh tairbhe ann fuidh’n ghréin. 12 Agus sheall mi air m’ais a dh’fhaicinn gliocais, agus cuthaich (2), agus amaideachd: oir ciod a dh’fheudas an duine a dheanamh a thig an déigh an righ? an ni sin féin a rinneadh a cheana. 13 Agus chunnaic mi gu bheil gliocas co fhad os cionn amaideachd (3), ’sa tha solus os cionn dorchadais. 14 Tha sùilean an duine ghlic ’na cheann, ach imichidh an t-amadan ann an dorchadas: gidheadh dh’aithnich mi mar an ceudna gu’n tachradh an t-aon ni dhoibh uile. 15 Ansin thubhairt mi a’m’ chridhe, Mar a thachras do’n amadan, mar sin tachraidh dhomhsa féin; agus c’ar son uime sin a bha mise ni bu ghlice na esan? an sin thubhairt mi a’m’ chridhe, gur dìomhanas so mar an ceudna. 16 Oir cha bhi cuimhne air an duine ghlic ni’s mò na air an amadan gu bràth; o dhì-chuimhnichear na nithe a ta nis ann, uile anns na laithibh a ta re teachd: agus cionnus a dh’eugas an duine glic? mar an t-amadan. 17 Uime sin dh’fhuathaich mi beatha, a chionn gur doilgheasach dhomh an obair a dh’oibrichear fuidh’n ghréin: oir is dìomhanas na h-uile nithe agus buaireadh (4) spioraid. 18 Seadh, dh’fhuathaich mi mo shaothair uile a shaothraich mi fuidh’n ghréin, a chionn gu’m fàg mi i do’n fhear a bhios a’m’ dhéigh. 19 Agus cò aig am bheil fios cia dhiubh a bhios e ’na dhuine glic no ’na amadan? gidheadh bithidh uachdaranachd aige os cionn mo shaoithreach uile anns an do shaothraich mi, agus anns an d’fhuara mi gu glic fuidh’n ghréin. Is dìomhanas so mar an ceudna. 20 Air an aobhar sin thionndaidh mi thoirt air mo chridhe dol an eu-dòchas mu’n uile shaothair a shaothraich mi fuidh’n ghréin. 21 Oir a ta duine ann aig am bheil a shaothair ann an gliocas, agus an eòlas, agus an ceartas; gidheadh do dhuine nach do shaothraich ann bheir se e mar a chuibhrionn. Is dìomhanas so mar an ceudna, agus olc mòr. 22 Oir ciod a th’aig duine d’a uile shaothair, agus do bhuaireadh (5) a chridhe, anns an do shaothraich e fuidh’n ghréin? 23 Oir is doilgheasan a laithean uile, agus is do-bròn a shaothair: eadhon san oidhche cha ghabh a chridhe fois. Is dìomhanas so mar an ceudna. 24 Cha ’n’eil ni ann a’s fearr (1) cha do chum mi air ais. (2) boile. (3) ni’s fearr na amaideachd. (4) smuairean, cràdh. (5) chràdh, àmhghar, dhorran. [TD 326] ECLESIASTES. CAIB. III. do dhuine na gu’n itheadh agus gu’n òladh e, agus gu’n d’thugadh e air ’anam maith a mhealtuinn (1) ’na shaothair. 25 Oir cò a’s urrainn (2) itheadh, no cò eile a luathaicheas thuige (3) ni’s mò na mise? 26 Oir do’n duine a tha maith ’na shealladh bheir Dia gliocas, agus eòlas, agus aoibhneas: ach do’n pheacach bheir e saothair, a chruinneachadh agus a charnadh suas, chum gun tabhair e do’n ti a ta maith ann am fianuis Dhé. Is dìomhanas so mar an ceudna, agus buaireadh spioraid. CAIB. III. AIG gach ni tha tràth, agus àm aig gach rùn fuidh nèamh. 2 Am gu bhi air breith, agus àm gu bàs fhaotainn; àm gu suidheachadh, agus àm gus an ni a shuidhicheadh, a spìonadh suas; 3 Am gu marbhadh, agus àm gu leigheas; àm gu briseadh sìos, agus àm gu togail suas; 4 Am gu gul (4), agus àm gu gàire; àm gu caoidh, agus àm gu dannsadh; 5 Am gu clachan a thilgeadh air falbh, agus àm gu clachan a chruinneachadh; àm gu gabhail an glacaibh, agus àm gu fantuinn o ghabhail an glacaibh (5); 6 Am gu cosnadh (6), agus àm gu call; àm gu gleidheadh, agus àm gu tilgeadh air falbh; 7 Am gu reubadh, agus àm gu fuaigheal; àm gu bhi tosdach, agus àm gu labhairt; 8 Am gu gràdhachadh, agus àm gu fuathachadh; àm gu cogadh, agus àm gu sìth; 9 Ciod an tairbhe (7) a ta aige-san a dh’oibricheas, san ni sin anns an saothraich e? 10 Chunnaic mi an t-saothair a thug Dia do chloinn nan daoine (8), chum an cleachdadh féin rithe. 11 Rinn e gach ni maiseach ’na àm féin: chuir e mar an ceudna an saoghal ’nan cridhe, air chor nach urrainn aon duine an obair fhaotainn a mach a tha Dia a’ deanamh, o thoiseach gu deireadh. 12 Tha fhios agam nach ’eil maith air bith annta, ach gu’m biodh duine subhach, agus gu’n deanadh e maith rè a bheatha (9). 13 Agus mar an ceudna gu’n itheadh agus gu’n òladh gach duine, agus gu mealadh e maith a shaoithreach uile, is e sin tiodhlacadh Dhé. 14 Tha fhios agam gach ni a ni Dia, gu’m bi e gu bràth; cha ghabh aon ni cur ris, no aon ni toirt uaith: agus ni Dia so, chum gu’m biodh eagal air daoinibh roimhe. 15 An ni a bha, tha e ann a nis; agus an ni a bhitheas, bha e ann a cheana; agus iarraidh Dia an ni a chaidh seachad. 16 Agus os bàrr, chunnaic mi fuidh’n ghréin àit a’ bhreitheanais, gu’n robh euceart (10) an sin; agus àite na fireantachd, gu’n robh aingidheachd an sin. (1) gu’n nochdadh e maith d’a anam. (2) a dh’fheudas. (3) chuige. (4) gal. (5) bhi fad o ghabhail an glacaibh. Eabh. (6) iarraidh, faotainn, solaradh. (7) a’ bhuannachd. (8) mhacaibh an duine. (9) air feadh a bheatha, ’na bheatha. (10) aingidheachd, mi-dhiadhachd. [TD 327] ECLESIASTES. CAIB. IV. 17 Thubhairt mi a’m’ chridhe, Bheir Dia breth air an fhìrean agus air an aingidh: oir tha àm ansin chum gach uile rùin, agus chum gach uile oibre. 18 Thubhairt mi ann am chridhe a thaobh staid (1) chloinn nan daoine, gu’n glanadh (2) Dia iad, agus gu’m faiceadh iad gur ainmhidhean iad féin. 19 Oir an ni sin a thachras do chloinn nan daoine, tachraidh e do na h-ainmhidhibh; tachraidh dìreach an t-aon ni dhoibh: mar a dh’eugas aon diubh, is ann mar sin a dh’eugas an t-aon eile; seadh, is i an aon anail a ta aca uile, agus cha ’n’eil barrachd aig duine air ainmhidh, oir is dìomhanas iad uile. 20 Théid iad uile do aon àite; tha iad uile o’n duslach (3), agus pillidh iad uile do’n duslach. 21 Cò d’an aithne spiorad chloinn nan daoine (4) a théid suas, agus spiorad an ainmhidh a théid sìos chum na talmhainn (5)? 22 Uime sin tha mi ag aithneachadh nach ’eil ni a’s fearr na gu’n deanadh duine gairdeachas ’na oibribh, a chionn gur e sin a chuibhrionn: oir cò bheir e a dh’fhaicinn an ni a bhios ’na dhéigh? CAIB. IV. AN SIN thionndaidh mi, agus dh’amhairc mi air na h-uile fhoirneartaibh a nìthear fuidh’n ghréin, agus feuch, deoir na droinge a bha fuidh fhoirneart, agus gun aon fhear-comhfhurtachd aca! agus air taobh (6) an luchd-foirneart bha neart, ach cha robh fear-comhfhurtachd aca-san. 2 Uime sin mhol mi na mairbh a dh’eug a cheana, ni’s mò na na beotha a ta beò fathast. 3 Ach is fearr na iad le chéile an ti nach robh ann fathast, nach faca an droch obair a nìthear fuidh’n ghréin. 4 A rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o choimhearsnach i. Is dìomhanas so mar an ceudna, agus buaireadh spioraid. 5 Fillidh an t-amadan a làmhan r’a chéile, agus ithidh e fheoil féin. 6 Is fearr làn duirn le suaimhneas, na’n dà làimh làn le saothair agus buaireadh spioraid. 7 An sin thionndaidh mi, agus chunnaic mi dìomhanas, fuidh’n ghréin. 8 Tha duine ann leis féin, agus cha ’n’eil lethbhreac (7) aige; seadh, cha ’n’eil leanabh no bràthair aige: gidheadh cha ’n’eil crìoch air a shaothair uile, agus cha sàsuichear a shùil le saibhreas; cha mhò a their e, Cò airson am bheil mi a’ saoithreachadh, agus a’ fàgail m’anama dh’easbhuidh maith? Is dìomhanas so mar an ceudna, agus is saothair ghoirt e. 9 Is fearr dithis na aon duine, a chionn gu bheil deadh dhuais aca airson an saoithreach. 10 Oir ma thuiteas duine dhiubh (8), togaidh an duine eile suas a chompanach: ach mo (1) cora, inbhe. (2) chum gu’n soillsicheadh, gu’n dearbhadh. (3) luaithre. (4) spiorad an duine. (5) fuidh’n talamh. (6) làimh. Eabh. (7) a leithid eile, an dara neach. (8) ma thuiteas iad. [TD 328] ECLESIASTES. CAIB. V. thruaighe esan a ta ’na aonar an uair a thuiteas e; oir cha ’n’eil neach eile aige g’a thogail suas. 11 Mar an ceudna ma luidheas dithis cuideachd, bithidh iad blàth: ach cionnus a bhios aon blàth leis féin? 12 Agus ma bhuadhaicheas aon air, seasaidh dithis ’na aghaidh; agus cha bhrisear cord thri dual (1) gu h-obann. 13 Is fearr leanabh bochd agus glic na righ sean agus amaideach, nach gabh comhairle (2) ni’s mò. 14 Oir a priòsun (3) thig e a rìoghachadh; an ti mar an ceudna a rugadh ’na rìoghachd, fàsaidh e bochd. 15 Thug mi an aire do (4) na h-uile bheothaibh a shiubhlas fuidh’n ghréin, maille ris an dara leanabh a sheasas suas ’na àite. 16 Cha ’n’eil crìoch air an t-sluagh uile, orra-san uile a bha rompa: cha dean iadsan mar an ceudna a thig ’nan déigh gairdeachas ann. Gu cinnteach is dìomhanas so mar an ceudna, agus buaireadh spioraid. CAIB. V. COIMHID (5) do chos an uair a théid thu do thigh Dhé, agus bi ni’s deise gu cluinntinn na gu ìobairt nan amadan a thabhairt; oir cha ’n’eil iad sin a’ toirt an aire gu bheil iad a’ deanamh uilc. 2 Na bi bras (6) le d’ bheul, agus na luathaicheadh do chridhe gu ni a labhairt an làthair Dhé: oir ata Dia air nèamh, agus thusa air talamh: uime sin biodh do bhriathra tearc. 3 Oir thig aisling le iomadalachd (7) ghnothuiche, agus aithnichear guth amadain le iomadalachd bhriathar. 4 An uair a bhòidicheas tu bòid do Dhia, na cuir dàil ’na dìoladh; oir cha ’n’eil tlachd aige ann an amadanaibh: an ni a bhòidicheas tu, dìol e (8). 5 Is fearr gun thu bhòideachadh, na gu’m bòidicheadh tu, agus nach dìoladh tu. 6 Na leig le d’ bheul a thoirt air t’fheoil peacachadh, agus na h-abair an làthair an aingil, gu’m bu mhearachd e; c’uim am biodh fearg air Dia airson do ghutha-sa, agus an sgriosadh e obair do làmh? 7 Oir mar ann an iomadalachd nan aisling a bhios dìomhanasa, is amhuil a bhios iad ann an iomadalachd nam briathar: ach biodh eagal Dé ortsa. 8 Ma chi thu foirneart an duine bhochd (9), agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr-roinn, na biodh iongnadh ort ris an ni so (10): oir bheir an ti a’s airde na’n neach a ta ard aca-san an aire, agus tha iad ann a’s airde na iadsan. 9 A nis a ta tairbhe na talmhainn airson nan uile: riaruichear an righ féin as an fhearann. 10 An ti a ghràdhaicheas airgiod, cha sàsuichear e le (1) snàithne tri-fillte. (2) do nach aithne comhairle a ghabhail. Eabh. (3) gainntir, tigh nam braighde. (4) Dh’amhairc mi air. (5) Gléidh. (6) obann. (7) lìonmhoireachd, mòran. (8) ìoc e. (9) foirneart air a dheanamh air an duine bhochd. (10) an rùn so. Eabh. [TD 329] ECLESIASTES. CAIB. VI. h-airgiod; no’n ti a ghràdhaicheas pailteas, le toradh (1): is dìomhanas so mar an ceudna. 11 An uair a mheudaichear nithe maithe (2), meudaichear iad a dh’itheas iad, agus ciod an tairbhe a tha annta d’an sealbhadairibh, ach am faicinn le’n sùilibh? 12 Tha codal oibriche milis, cia dhiubh a dh’itheas e beagan no mòran: ach cha’n fhuiling sàsachd (3) an t-saibhir dha codal. 13 Tha olc cràiteach ann a chunnaic mi fuidh’n ghréin, saibhreas air a ghleidheadh d’a shealbhadairibh chum an aimhleis (4). 14 Ach théid as do’n t-saibhreas sin le droch shaothair (5): agus ginidh e mac, agus cha bhi ni air bith ’na làimh. 15 Mar a thàinig e mach lomnochd a broinn a mhàthar, ath-phillidh e, a’ dol mar a thàinig e; agus cha ghiùlain e ni air bith d’a shaothair a bheir e leis ’na làimh. 16 Is olc cràiteach so mar an ceudna, air gach uile chor air an d’thàinig e, mar sin gu’n d’théid e: agus ciod an tairbhe a ta aige-san a shaothraich do’n ghaoith? 17 Mar an ceudna rè a làithean uile ithidh e ann an dorchadas, agus bithidh mòran doilgheis (6) agus feirge aige ’na thinneas. 18 Feuch, an ni a chunnaic mise maith; gur tlachdmhor do dhuine itheadh agus òl, agus maith a mhealtuinn ’na uile shaothair a ghabh e fuidh’n ghréin, air feadh uile laithean a bheatha a bheir Dia dha; oir is e sin a chuibhrionn. 19 Gach duine mar an ceudna d’an d’thug Dia beartas agus saibhreas (7), agus d’an d’thug e comas itheadh dhiubh, agus a chuibhrionn a ghlacadh, agus gairdeachas a dheanamh ’na shaothair; is e so tiodhlacadh Dhé. 20 Oir cha mhòr a chuimhnicheas e laithean a bheatha; a chionn gu’m freagair Dia e ann an aoibhneas a chridhe. CAIB. VI. THA olc ann a chunnaic mi fuidh’n ghréin, agus tha e coitchionn am measg dhaoine (8). 2 Duine d’an d’thug Dia beartas, agus saibhreas, agus urram, agus gun e dh’easbhuidh ni air bith d’a anam do na h-uile a mhiannuicheas e, ach do nach ’eil Dia a’ tabhairt comais itheadh dheth, ach ata coigreach ’ga itheadh: is dìomhanas so, agus is droch anshocair e. 3 Ma ghineas duine ceud leanabh, agus gu’m bi e beo iomadh bliadhna, air chor as gu’m bi laithean a bhliadhnan lìonmhor, agus nach sàsuichear ’anam le maith, agus mar an ceudna nach bi adhlacadh aige, is fearr, tha mi ’g ràdh, torraicheas anabuich (9) na e. 4 Oir an (10) dìomhanas thig e, agus an dorchadas théid e, agus le dorchadas còmhdaichear (11) ’ainm. (1) cinneas. (2) maoin, saibhreas. (3) làine, pailteas. (4) dochair, call. (5) ann an droch ghnothuichibh. (6) do-bròin. (7) maoin. (8) bithdheanta, ro-throm air daoinibh. (9) gin neo-inbhich. (10) le. (11) folaichear. [TD 330] ECLESIASTES. CAIB. VII. 5 Mar an ceudna cha’n fhac e a’ ghrian, agus cha b’aithne dha ni air bith: tha tuilleadh foise aige so na aig an fhear eile. 6 Seadh, ge do bhi e beo mìle bliadhna dà uair, gidheadh cha’n fhaic e maith: nach imich iad uile do aon àite? 7 Tha uile shaothair an duine airson a bheoil, agus gidheadh cha ’n’eil a mhiann sàsuichte (1). 8 Oir ciod tuilleadh a th’aig an duine ghlic na aig an amadan? ciod a th’aig a’ bhochd, d’an aithne siubhal an làthair nam beo? 9 Is fearr sealladh (2) nan sùl na seacharan a’ mhiann: is dìomhanas so mar an ceudna agus buaireadh spioraid. 10 An ni (3) a bha ann, dh’ainmicheadh e a cheana, agus a ta fhios gu’m b’e’n duine e, agus nach urrainn e gleachdadh (4) ris-san a’s treise na e féin. 11 O tha mòran do nithibh ann a mheudaicheas dìomhanas, ciod is feirrd an duine sin? 12 Oir cò aig am bheil fios ciod a tha maith do dhuine sa’ bheatha so, rè uile laithean a bheatha dhìomhain a chaitheas e mar sgàile? oir cò is urrainn innseadh do dhuine ciod a bhios ’na dhéigh fuidh’n ghréin? CAIB. VII. IS fearr deadh ainm na ol’-ungaidh luachmhor, agus latha bàis na latha breith neach. 2 Is fearr dol do thigh a’ bhròin (5), na dol do thigh na cuirme: oir is e sin crìoch nan uile dhaoine, agus gabhaidh am beo g’a chridhe e. 3 Is fearr doilgheas (6) na gàire; oir le dubhachas na gnùise nìthear an cridhe ni’s fearr. 4 Tha cridhe nan daoine glice ann an tigh a’ bhròin, ach cridhe nan amadan ann an tigh an t-subhachais. 5 Is fearr éisdeachd re achmhasan duine ghlic, na gu’n éisdeadh duine re h-òran amadana. 6 Oir mar fhuaim droighnich fuidh phoit, mar sin tha gàire an amadain: is dìomhanas so mar an ceudna. 7 Gu cinnteach cuiridh foirneart duine glic air boile (7), agus millidh tiodhlacadh an cridhe. 8 Is fearr deireadh ni na a thoiseach: is fearr esan a tha foighidneach ’na spiorad na esan a tha ardanach (8) ’na spiorad. 9 Na deifrich (9) ann ad spiorad gu fearg a ghabhail; oir còmhnuichidh fearg ann an uchd amadana. 10 Na h-abair, Ciod a b’aobhar gu’n robh na ceud laithean ni b’fhearr na iad so? oir cha’n ann o ghliocas a dh’fheòraicheas tu mu’n ni so? 11 Is maith gliocac maille re h-oighreachd: agus leis sin tha tairbhe aca-san a chi a’ ghrian. 12 Oir is dìdean (10) gliocas, agus is dìdean airgiod: ach is e òirdheirceas an eòlais, gu’n toir gliocas beatha dhoibhsan aig am bi e. 13 Smuainich air (11) obair Dhé: oir cò is urrainn an ni sin a (1) anam. Eabh. (2) beachd. (3) Gach ni. (4) strì. (5) na caoidh. (6) fearg. (7) air a’ chuthach. (8) uaibhreach, dian. (9) na luathaich, na bi cabhagach. (10) sgàile. (11) Faic. Eabh. [TD 331] ECLESIASTES. CAIB. VIII. dheanamh dìreach a rinn esan cam? 14 Ann an là an t-soirbheis (1) bi subhach, ach ann an là an doirbheis (2) smuainich: rinn Dia mar an ceudna so fa chomhair sud, a chum nach faigheadh duine mach aon ni ’na dhéigh (3). 15 Chunnaic mi na h-uile nithe ann an laithibh mo dhìomhanais; tha fìrean (4) ann d’an d’théid as (5) ’na fhìreantachd, agus tha duine aingidh ann a shìneas a laithean ’na aingidheachd. 16 Na bi anbharrach fìreanta, agus na gabh ort a bhi ro-ghlic: c’ar son a sgriosadh tu thu féin? 17 Na bi ro-aingidh, agus na bi amaideach: c’ar son a dh’eugadh tu roimh t’ àm? 18 Is maith dhuit greim a ghabhail deth so, agus o so mar an ceudna na tabhair air a h-ais do làmh; oir an ti air am bi eagal Dé, thig e asda sin uile. 19 Neartuichidh gliocas duine glic ni’s mò na deichnear dhaoine cumhachdach a ta sa’ chathair (6). 20 Oir cha ’n’eil duine ceart (7) air an talamh, a ni maith, agus nach peacaich. 21 Mar an ceudna na tabhair aire do na h-uile bhriathraibh a labhrar, air eagal gu’n cluinn thu t’òglach ’gad mhalluchadh. 22 Oir a ta fhios aig do chridhe, gur minic a mhalluich thu féin daoin’ eile mar an ceudna. 23 So uile dhearbh mi le gliocas: thubhairt mi, Bithidh mi glic, ach b’fhada sin uam. 24 An ni sin a ta fad as, agus ro-dhomhain, cò dh’fheudas fhaotaìnn amach (8)? 25 Leig mi mo chridhe air faotainn eolais air, agus air rannsachadh (9) agus air sireadh gliocais, agus aobhair (10) nithe, agus air fios a bhi agam air aingidheachd amaideachd, agus air amaideachd na mi-chéille (11). 26 Agus fhuair mi ni’s seirbhe na’m bàs a’ bhean, aig an ribeachan agus lìontan a cridhe, agus ceanglaichean a làmhan: ge b’e neach a thaitneas re Dia (12), théid e as uaithe (13), ach glacar am peacach leatha. 27 Feuch, an ni so fhuair mi, ars’ an searmonuiche, a’ meas gach aoin an déigh a chéile, a dh’fhaotainn an aobhair (14) a mach. 28 Ni a ta m’anam ag iarraidh fathast, ach nach d’fhuair mi: aon fhear am measg mhìle fhuair mi, ach bean ’nam measg sin uile cha d’fhuair mi. 29 Feuch, an ni so a mhàin fhuair mi, gu’n d’rinn Dia an duine dìreach (15); ach dh’iarr iad féin iomadh innleachd (16) a mach. CAIB. VIII. CO a ta mar an duine glic? agus cò d’an aithne (17) eadar-mhìneachadh ni? Bheir gliocas duine air a ghnùis deal- (1) latha maith. (2) latha olc, latha na h-urchoid. (3) aon do na nithibh a ta gu teachd air. (4) duine ceart, ionraic. (5) a bhàsaicheas. (6) sa’ bhaile. (7) fireanta. (8) a thuigsinn. (9) lorgachadh. (10) àireimh. (11) eadhon amaideachd agus cuthaich. (12) a tha maith an làthair Dhé. Eabh. (13) uaipe. (14) àireimh. (15) ceart, cothromach. (16) ais-innleachd. (17) mar esan d’an aithne. [TD 332] ECLESIASTES. CAIB. VIII. rachadh, agus atharraichear dànachd a ghnùise. 2 Comhairlichean dhuit àithne an righ a choimhead (1), agus sin air son mionnan Dé. 3 Na biodh cabhag ort gu dol as a shealladh: na buanaich ann an droch ni, oir ni esan gach ni a’s àill leis. 4 Far am bheil focal righ, tha cumhachd; agus cò dh’fheudas a ràdh ris, Ciod e sin a ta thu a’ deanamh? 5 Ge b’e ghleidheas an àithne, cha mhothaich e droch ni sam bith; agus is aithne do chridhe duine ghlic àm agus breitheanas. 6 A chionn aig gach ni (2) gu bheil àm agus breitheanas (3); uime sin tha truaighe an duine trom (4). 7 Oir cha ’n’eil fhios aige air an ni a bhios ann: oir cò dh’innseas dha cionnus a bhitheas e (5). 8 Cha ’n’eil duine sam bith aig am bheil cumhachd os cionn an spioraid, a chumail an spioraid, no cumhachd ann an latha a’ bhàis; agus cha ’n’eil dol as anns a’ chath sin, cha mhò a theasairgeas aingidheachd iadsan a ghnàthuicheas i. 9 So uile chunnaic mi, agus shuidhich mi mo chridhe air gach obair a nìthear fuidh’n ghréin: tha àm ann san riaghluich duine oscionn duin’ eile, g’a aimhleas féin. 10 Agus mar sin chunnaic mi na h-aingidh adhlaicte (6), a thàinig agus a dh’imich o àit an naoimh, agus dhì-chuimhnicheadh iad anns a’ chathair (7) san d’rinn iad mar sin: is dìomhanas so mar an ceudna. 11 A chionn nach ’eil binn (8) an aghaidh droch oibre ’ga cur an gnìomh gu luath, uime sin tha cridhe chloinn nan daoine làn-shuidhichte air olc a dheanamh. 12 Ge do ni peacach olc ceud uair, agus gu’n sìnear a laithean (9), gidheadh a ta fios cinnteach agam gu’n éirich gu maith dhoibhsan air am bi eagal air Dé, air am bi eagal ’na làthair. 13 Ach cha’n éirich gu maith do’n aingidh, cha mhò a shìneas e a laithean; mar sgàile bithidh esan air nach bi eagal an làthair Dhé (10). 14 Tha dìomhanas ann a nìthear air an talamh, gu bheil fìreana ann d’an tachair a réir oibre nan aingidh; agus gu bheil daoine aingidh ann, d’an tachair a réir oibre nam firean: thubhairt mi gur dìomhanas so mar an ceudna. 15 An sin mhol mi subhachas, do bhrìgh nach ’eil ni a’s fearr aig duine fuidh’n ghréin na itheadh agus òl, agus a bhi subhach; oir fanaidh sin aige d’a shaothair, rè laithean a bheatha, a bheir Dia dha fuidh’n ghréin. 16 An uair a leag mi mo chridhe air eòlas a’ ghliocais fhaotainn, agus air na gnothuichean a nìthear air an talamh fhaicinn, (oir mar an ceudna tha neach ann nach faic codal a là no dh’oidhche le shùilibh). (1) a ghleidheadh. (2) rùn, tionnsgnadh. (3) modh, riaghuilt. (4) mòr air. (5) c’uin a bhios e ann. (6) air an tiodhlacadh. (7) mhór-bhaile. (8) breitheanas. (9) gu’n cuirear a laithean am fad. (10) a laithean a bhios mar sgàile, a chionn nach ’eil eagal air an làthair Dhé. [TD 333] ECLESIASTES. CAIB. IX. 17 An sin chunnaic mi (1) uile obair Dhé, nach urradh duine an obair a nìthear fuidh’n ghréin fhaotainn a mach; a chionn ge do ni duine a dhìchioll air (2) a faotainn a mach, gidheadh nach faigh e i; seadh fathast, ge do shaoil duine glic gu’m faigh e eòlas oirre, nach urrainn e a faotainn a mach. CAIB. IX. OIR chuir mi romham ann am chridhe so uile a chur an céill, Gu bheil na fìreana agus na daoine glice, agus an oibre, ann an làimh Dhé: cha’n aithne do dhuine sam bith aon chuid gràdh, no fuath, leis na h-uile nithibh a ta fa’n comhair (3). 2 Thig na h-uile nithe air an aon seòl do na h-uile dhaoinibh: tachraidh an t-aon ni do’n fhìrean agus do’n aingidh; do’n mhaith agus do’n ghlan agus do’n neo-ghlan; dha-san a dh’ìobras, agus dha-san nach ìobair: mar a ta ’n duine maith, is ann mar sin a ta ’m peacach; agus esan a mhionnaicheas, mar an ti air am bheil eagal mhionn. 3 Is olc so am measg nan uile nithe a nìthear fuidh’n ghréin, gu tachair an t-aon ni dhoibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe chloinn nan daoine làn uilc, agus gu bheil cuthach ’nan cridhe am fad is beo iad, agus ’na dhéigh sin gu’n d’théid iad chum nam marbh. 4 Oir aig gach neach a tha ceangailte ris na h-uile bheothaibh, tha dòchas: oir is fearr madadh beo na leòmhan marbh. 5 Oir tha fios aig na beothaibh gu’m faigh iad bàs: ach cha ’n’eil fios ni air bith aig na mairbh, cha mhò a ta luigheachd (4) aca ni’s mò, oir théid an cuimhne air dhì-chuimhn’. 6 Chaidh as mar an ceudna a nis d’an gràdh, agus d’am fuath, agus d’am farmad (5); agus cha bhi cuibhrionn aca tuilleadh gu bràth an aon ni a nìthear fuidh’n ghréin. 7 Imich romhad, ith t’aran le gairdeachas, agus òl t’fhìon le cridhe subhach; oir tha Dia anis toilichte le t’oibribh. 8 Biodh t’earradh (6) sgach àm geal; agus na biodh dìth olaidh-ungaidh air do cheann. 9 Caith do bheatha gu subhach leis a’ mhnaoi a’s ionmhuinn leat rè uile laithean beatha do dhìomhanais, a thug e dhuit fuidh’n ghréin (7): oir is e so do chuibhrionn anns a’ bheatha so, agus ann ad shaothair a ghabhas tu fuidh’n ghréin. 10 Ge b’e ni a gheibh do làmh r’a dheanamh, dean e le d’ dhìchioll; oir cha ’n’eil obair, no innleachd (8), no eòlas, no gliocas anns an uaigh, d’am bheil thu a’ dol. 11 Thionndaidh mi, agus chunnaic mi fuidh’n ghréin nach ann do na daoinibh luatha a tha a’ chomhruith (9), no do na daoinibh treuna an cath, no do na daoinibh glic aran, no do dhaoinibh tuigseach (10) saibhreas, no do dhaoinibh eòlach deadh-ghean, (1) thuig mi, thug mi fa’near. (2) ge do shaothraich duine chum. (3) rompa, ’nan làthair. (4) luaigheachd, duais. (5) tnùth. (6) do thrusgan, t’eudach. (7) fo’n ghréin, seadh, rè uile laithean do dhìomhanais. (8) smuaineachadh. (9) an réis, a’ choimhliong. (10) crìonna. [TD 334] ECLESIASTES. CAIB. X. ach gu’n tachair àm agus tuiteamas (1) dhoibh uile. 12 Oir gu deimhin cha ’n’eil fhios aig duine air àm féin: mar iasg a ghlacar ann an droch lìon, agus mar eoin a ghlacar ann an ribe, is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm, an uair a thuiteas e orra gu h-obann. 13 An gliocas so mar an ceudna chunnaic mi fuidh’n ghréin, agus bu mhòr agam e. 14 Bha cathair (2) bheag ann, agus beagan dhaoine innte; agus thàinig righ mòr ’na h-aghaidh, agus shuidh e mu’n cuairt oirre, agus chuir e daingnichean mòra suas ’na h-aghaidh. 15 Agus fhuaradh innte duine bochd glic, agus theasairg e a’ chathair le ghliocas; ach cha do chuimhnich neach air bith air an duine bhochd sin. 16 An sin thubhairt mise, Is fearr gliocas na neart: gidheadh, nìthear tàir air gliocas an duine bhochd, agus cha’n éisdear r’a bhriathraibh. 17 Eisdear re briathraibh dhaoine glice an ciuineas, ni’s mò na re glaodh an ti a riaghlas am measg amadan. 18 Is fearr gliocas na inneala cogaidh: ach millidh aon pheacach mòran maith. CAIB. X. BHEIR cuileaga marbha air oladh-ungaidh an léigh (3) boladh breun a chur uaithe (4): is amhuil a ni beagan amaideachd airsan a tha cliuiteach air son gliocais agus urraim. 2 Tha cridhe duine ghlic air a làimh dheis, ach cridhe amadain air a làimh chli. 3 San t-slighe féin, an uair a shiùbhlas an t-amadan, tréigidh a ghliocas e, agus their e ris gach duine, gur h-amadan e. 4 Ma dh’éireas spiorad an uachdarain a’d’ aghaidh, na fàg t’àite; oir ciuinichidh géilleadh (5) lochdan mòra. 5 Tha olc a chunnaic mi fuidh’n ghréin, mar sheacharan a thig o làthair an uachdarain (6). 6 Cuirear amaideachd an inbhe (7) mhòir, agus suidhidh na saibhir an ionad ìosal. 7 Chunnaic mi òglaich (8) air eachaibh, agus uachdarain a’ siubhal mar òglachaibh air an talamh. 8 An ti a chladhaicheas slochd, tuitidh e féin ann; agus an ti a bhriseas callaid (9), teumadh nathair e. 9 An ti a dh’atharraicheas clachan, goirtichear e leo; agus an ti a sgoilteas fiodh, bithidh e an cunnart uaith. 10 Ma bhios an t-iarunn maol, agus nach geuraich e am faobhar, feumaidh e an tuilleadh spionnaidh a chur leis; ach a ta gliocas tarbhach a sheòladh. 11 Gu deimhin teumaidh an nathair gun srann (10), agus cha’n fhearr am bith-bhriathrach (11). 12 Tha briathra beoil duine (1) teagmhus, cinneamhuin. (2) baile. (3) an ollaimh, an lusragain. (4) uaipe. (5) ceannsachd, macantachd. (6) o’n uachdaran. (7) airde. (8) seirbhisich, tràillean. (9) fàl, gàradh, balladh-dìonaidh. (10) druidheachd. (11) sìor-chainnteach. [TD 335] ECLESIASTES. CAIB. XI. ghlic gràsail; ach sluigidh bilean amadain e féin suas. 13 Is amaideachd toiseach bhriathar a bheoil; agus is cuthach millteach deireadh a chainnte (1). 14 Agus tha amadan làn do bhriathraibh: cha ’n’eil fhios aig duine ciod a bhios ann; agus ciod a bhios ann ’na dhéigh cò a’s urrainn innseadh dha? 15 Sgìthichidh saothair nan amadan gach aon diubh, do bhrìgh nach aithne dha cionnus a théid e do’n chathair (2). 16 Mo thruaighe thu, a thìr, an uair is leanabh a’s righ dhuit, agus a dh’itheas t’uachdarain biadh anns a’ mhaduinn! 17 Is sona thu, a thìr, an uair is e do righ mac nan uasal, agus a dh’itheas t’uachdarain ann an àm iomchuidh, chum neirt, agus cha’n ann chum misge! 18 Le mòran leisge théid an aitreabh sìos (3), agus le dìomhanas nan làmh snidhidh an tigh troimhe. 19 Nìthear cuirm chum aiteis, agus ni fìon duine (4) subhach: ach freagraidh an t-airgiod na h-uile nithe. 20 Eadhon ann ad smuaintibh na malluich an righ, agus an taobh a stigh do d’ sheòmar na malluich an saibhir; oir giùlainidh eun an athair (5) an guth, agus innsidh an ni air am bheil sgiathan a’ chùis. CAIB. XI. TILG t’aran air aghaidh nan uisge; oir an déigh mhòrain do laithibh gheibh thu e. 2 Thoir cuibhrionn do sheachdnar, agus mar an ceudna do ochdnar; oir cha ’n’eil fhios agad ciod an t-olc a bhios air an talamh. 3 Ma bhios na neoil làn do uisge, falmhaichidh siad iad féin air an talamh; agus ma thuiteas craobh mu dheas no mu thuath, anns an àite san tuit a’ chraobh, an sin bithidh i. 4 An ti a bheir an aire do’n ghaoith, cha chuir e sìol; agus an ti a dh’amhairceas air na neulaibh, cha bhuain e. 5 Mar nach ’eil fhios agad ciod i slighe an spioraid (6), no cionnus a dh’fhàsas na cnàmhan am broinn na mnà a bhios torrach, is amhuil sin nach ’eil fhios agad air oibribh Dhé, mar a ni e na h-uile nithe. 6 Anns a’ mhaduinn cuir do shìol, agus san fheasgar na toir air do làmh sgur; oir cha ’n’eil fhios agad cia dhiubh is fearr a shoirbhicheas so no sud, no am bi iad le chéile co-maith. 7 Gu deimhin is milis an solus, agus is taitneach do na sùilibh sealltuinn air a’ ghréin. 8 Ach ma mhaireas duine iomadh bliadhna, agus gu dean e gairdeachas (7) annta uile; gidheadh cuimhnicheadh e laithean an dorchadais, gu’m bi iad lìonmhor. Is dìomhanas gach ni a thig. 9 Dean gairdeachas, a dhuin’ òig, a’ t’òige (8), agus deanadh do chridhe subhach (9) thu ann an laithibh t’òige, agus siubhail ann an slighibh do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach (1) a bheoil. Eabh. (2) mhòr-bhaile. (3) aomaidh an aitreabh, théid an aitreabh mu làr. (4) daoine beo. Eabh. (5) eoin nan speur. (6) na gaoithe. (7) deanadh e gairdeachas. (8) ’na t’òige. (9) ait, suilbhireach. [TD 336] ECLESIASTES. CAIB. XII. biodh fhios agad air an son so uile gu’n toir Dia chum breitheanais thu. 10 Uime sin atharraich doilgheas (1) o d’ chridhe, agus cuir olc air falbh o t’ fheoil; oir is dìomhanas leanabachd agus òige. CAIB. XII. CUIMHNICH a nis do Chruith-fhear (2) ann an laithibh t’òige, mun d’ thig na droch laithean, agus an druid na bliadhnacha riut, anns an abair thu, Cha ’n’eil tlachd agam annta: 2 Mun dorchaichear a’ ghrian, agus an solus, agus a’ ghealach, agus na reultan, agus am pill na neoil an déigh an uisge: 3 Anns an là san criothnuich luchd-gléidhidh (3) an tighe, agus an crom na daoine làidir iad féin, agus an sguir an luchd-bleath (4), a chionn gu bheil iad tearc, agus an dorchaichear an dream a sheallas a mach air na h-uinneagaibh (5); 4 Agus an dùinear na dorsan anns na sràidibh, an uair a bhios fuaim na bleith ìosal, agus a dh’éireas e suas aig guth an eoin, agus a dh’ìslichear uile nigheanan a’ chiuil; 5 Mar an ceudna ’nuair a bhios eagal orra roimh ni ard, agus a bhios uamhasan anns an t-slighe, agus a bhios a’ chraobh-almoin fuidh bhlàth, agus a bhios an leumnach-uaine (6) ’na eallaich, agus a theirgeas miann (7); a chionn gu bheil an duine a’ triall d’a chòmhnuidh bhuan (8), agus gu bheil an luchd-cumhaidh (9) a’ dol mu’n cuairt sna sràidibh. 6 Mum fuasgailear an cord (10) airgid, agus am bruthar (11) an copan (12) òr, agus am brisear a’ chuinneag (13) aig an tobar, agus am brisear an roth aig an t-soitheach-cumail (14). 7 An sin pillidh an duslach (15) chum na talmhainn mar a bha e; agus pillidh an spiorad chum Dhé, a thug uaith e. 8 Dìomhanas nan dìomhanas! ars’ an searmonuiche: is dìomhanas na h-uile nithe. 9 Agus osbàrr, do bhrìgh gu’n robh an searmonuiche glic, theagaisg e’n còmhnuidh eòlas do’n t-sluagh; agus thug e deadh aire, agus shir e mach (16), agus dheasaich e (17) mòran ghnàth-fhocal. 10 Dh’iarr an searmonuiche briathra taitneach fhaotainn: agus bha an ni a scrìobhadh ceart, briathra na fìrinn. 11 Tha briathra nan daoine glice mar bhioraibh, agus mar thairngibh air an sparradh (18) le uachdaranaibh choimhthional, a thugadh le aon aodhaire. 12 Agus tuilleadh, leo so, a mhic, gabh rabhadh: air mòran leabhraichean a dheanamh (1) bròn, fearg. (2) Chruthadair. (3) coimheaduichean. (4) na meilteirean. (5) fuinneogaibh. (6) am fionnan-feoir. (7) a thréigeas fonn. (8) d’a thigh sìorruidh. (9) luchd-caoidh. (10) snàithne, teud. (11) brisear. (12) a’ chuach. (13) an soitheach-uisge. (14) an t-slochd, an tiobairt. (15) luaithre. (16) rannsaich e. (17) chuir e’n ordugh. (18) air an daingneachadh. [TD 337] ECLESIASTES. CAIB. XII. cha ’n’eil crioch, agus tha mòran leughaidh ’na sgìos do’n fheoil. 13 Cluinneamaid brìgh na chaidh ràdh uile (1): Biodh eagal Dé ort, agus gléidh ’àitheantan; oir is e so dleasdanas iomlan an duine. 14 Oir bheir Dia gach obair chum breitheanais, maille ris gach ni dìomhair, ma’s maith, no ma’s olc e. (1) crìoch, no comh-dhùnadh na cùise uile. [TD 338] DAN SHOLAIMH. CAIB. I. DAN nan dàn, dàn Sholaimh. 2 Pògadh e mi le pògaibh a bhéil; oir is maith do ghràdh seach fìon. 3 Airson fàile cùbhraidh is maith t’oladh-ungaidh-sa: is oladh-unguidh (1) air a dòrtadh t’ainm; uime sin ghràdhaich na h-òighean thu. 4 Tarruing mi. A’d’ dhéigh ruithidh sinn. D’a sheòmaraibh threòraich an Righ mi. Ni sinn luathghaire agus bithidh aoibhneas oirnn annadsa: cuiridh sinn an cuimhne do ghràdh ni’s mò na fìon: ghràdhaich na fìreana thu. 5 Dubh ata mi, ach sgiamhach (2), O a nigheana Ierusaleim, mar bhùthaibh Chedair, mar chùirteinibh rìomhach (3) Sholaimh. 6 Na biodh umhail agaibh ge do tha mi dorcha, a chionn gu’n d’amhairc (4) a’ ghrian orm: bha mic mo mhàthar am feirg rium; rinn iad coimheaduiche nam fìon-lios dìom: am fìon-lios bu leam féin cha do choimhid mi. 7 Innis dhomh, O thusa d’am bheil gràdh aig m’anam, c’àit an inealtair (5) thu do threuda, c’àit an toir thu orra luidheadh sìos mu mheadhon-là; oir c’arson a bhithinn mar aon air faondradh am measg threud do chompanach (6)? 8 Mur ’eil fhios agad, O thusa a’s àillidh (7) am measg bhan, imich a mach air luirg an treud, agus inealtair do mheannain làimh re bùthaibh (8) nan aodhaire. 9 Re h-eachaibh (9) ann an carbadaibh Pharaoih samhlaicheam thu, a bhean mo ghaoil. 10 Is àillidh do ghruaidhean le sreathaibh sheud (10), do mhuineal le slabhraidhibh. 11 Sreathan òir ni sinn dhuit, le ballaibh (11) airgid. 12 Am feadh a ta’n Righ aig a fhleadh (12), tha mo spiocnard a’ sgaoileadh fhàile cùbhraidh. 13 Is ceanglachan mirr mo ghràdh (13) dhomhsa; eadar mo (1) Air son deadh bholaidh t’oladh-ungaidh maithe, tha t’ainm mar oladh-ungaidh. (2) gràdhach, ionmhuinn. (3) chroch-bhrataibh do obair ghréise. (4) do dhearrsaich. (5) am beathaich. (6) làimh re treudaibh do chaidreamhach. (7) sgiamhaiche. (8) bothanaibh. (9) re buidheann each, re m’eachaibh. (10) usgraichibh. (11) rinnibh, tairngibh, tacaidibh. (12) ’na shuidhe aig a bhord. (13) m’aon gràdhach, m’annsachd, mo rùn. [TD 339] DAN SHOLAIMH. CAIB. II. chìochaibh luidhidh e rè na h-oidhche. 14 Mar bhagaid do’n chrann-champhir tha mo ghràdh dhomhsa, ann am fìon-liosaibh Engedi. 15 Feuch, ata thu àillidh, a bhean mo ghaoil (1); feuch, ata thu àillidh! tha sùilean choluman agad. 16 Feuch, ata thu àillidh, fhir mo ghràidh, agus taitneach, agus ata ar n-uirigh (2) uaine. 17 Is croinn sheudair (3) sailthean ar tighe, croinn-ghiuthais ar ceann-fhiodh (4). CAIB. II. Is ròs a Sharon mise, lili nan gleann. 2 Mar lili am measg droighnich, is amhuil mo ghràdh-sa am measg nan nighean. 3 Mar chrann-ubhall am measg chrann na coille is amhuil mo rùn-sa am measg nan òganach: fuidh a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom’ bhlas (5). 4 Threòraich e mi do thigh an fhìona, agus b’i a bhratach tharum an gràdh. 5 Cumaibh suas mi le cornaibh, sgapaibh ùbhlan mu m’ thimchioll, oir ata mi tinn (6) le gràdh. 6 Tha a làmh chli fuidh m’ cheann, agus a làmh dheas timchioll orm. 7 Cuiream mar fhiachaibh oirbh (7), a nigheana Ierusaleim, air earbaibh agus air eildibh na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh, gus an àill leis féin. 8 Guth mo ghràidh! Feuch, tha e a’ teachd, a’ leumnaich air na beanntaibh, a’ toirt sithidh air na tulaichibh. 9 Is cosmhuil mo ghràdh re h-earb no re laogh féidh (8): feuch, tha e ’na sheasamh air cùl ar ballaidh, a’ sealltuinn a mach air na h-uinneagaibh, ’ga nochdadh féin (9) troimh’n chléith. 10 Fhreagair mo ghràdh, agus thubhairt e rium, Eirich, a bhean mo ghaoil (10), m’aon sgiamhach, thig leam: 11 Oir feuch, tha’n geamhradh seachad, tha’n t-uisge thairis, dh’imich e roimhe. 12 Chithear na blàthan air an talamh, tha àm seinn nan eun air teachd, agus cluinnear guth an turtuir (11) ’nar tìr. 13 Tha an crann-fìge a’ cur a mach fhìge glasa (12), agus tha dearca maotha a’ chroinn-fhìona a’ toirt fàile cùbhraidh uatha: éirich, a bhean mo ghaoil, m’aon sgiamhach, agus thig leam. 14 Mo choluman, a ta ann an sgoltaibh na creige, ann an ionad-dìomhair (13) a’ bhruthaich, leig dhomh amharc ort, leig leam do ghuth a chluinntinn! oir a ta do ghuth binn, agus t’eugas (14) maiseach. 15 Glacaibh dhuinn na sionnaich, na sionnaich bheaga, a mhilleas na croinn-fhìona, agus dearcan òga ar crann-fìona (15). (1) mo chaidreach, mo leth-sheise, mo chéile. (2) leaba. (3) cheudair. (4) mullach. (5) chàirean. Eabh. (6) lag. (7) mionnaicheam sibh, àithneam dhuibh. (8) mang. (9) a’ lasadh, a’ sradadh. (10) mo chaidreach. (11) fhearain. Eir. (12) uaine. (13) còs, ionad-folaich. (14) aogas. (15) oir ata dearcan ar craobh-fìona [TD 340] DAN SHOLAIMH. CAIB. III. IV. 16 Is leamsa mo ghràdh, agus is leis-san mise: tha e ag ionaltradh am measg nan lili. 17 Gus am bris an là (1), agus an teich (2) na sgàilean, pill; bi cosmhuil re h-earb, a ghràidh, no re laogh féidh air beanntaibh Bheteir. CAIB. III. AIR mo leabaidh anns an oidhche dh’iarr mi an ti d’am bheil gràdh aig m’anam: dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e. 2 Eiridh mi anis; agus théid mi mu’n cuairt anns a’ chathair (3), anns na sràidibh, agus anns na slighibh farsaing iarraidh mi esan d’am bheil gràdh aig m’anam: dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e. 3 Thachair orm an luchd-faire a’ dol mu’n cuairt anns a’ chathair: Am faca sibh an ti d’am bheil gràdh aig m’anam? 4 Cha deachaidh mi ach beagan air m’aghaidh uatha (4), ’nuair a fhuair mi esan d’am bheil gràdh aig m’anam: rinn mi greim air, agus cha leiginn as e, gus an d’thug mi e do thigh mo mhàthar, agus d’a seòmar-sa a rug mi. 5 Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheana Ierusaleim, air earbaibh agus air eildibh na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh, gus an àill leis féin. 6 Cò ise a ta ’g éirigh suas as an fhàsach mar stuadhaibh deataich, cùbhraidh le mirr agus tùis, le uile mhion-dhus (5) ceannuiche nan spìosraidh? 7 Feuch, uirigh (6) Sholaimh! Tri fichead treun fhear m’a timchioll do threun fhearaibh Israeil! 8 Fir chlaidheimh uile, cleachdta (7) ann an cogadh, gach fear le chlaidheamh air a leis, an aghaidh gàbhaidh na h-oidhche: 9 Rinn Solamh an Righ leaba-phòsaidh (8) dha féin do chrannaibh Lebanoin. 10 A puist (9) dhealbh e do airgiod, a h-ìochdar do òr, a còmhdach do chorcur; bha a meadhon air oibreachadh (10) le samhlaibh gràidh le nigheanaibh (11) Ierusaleim. 11 Rachaibh a mach, a nigheana Shioin, agus faicibh Righ Solamh leis a’ chrùn leis an do chrùn a mhàthair e air latha (12) a phòsaidh, agus air latha subhachais a chridhe. CAIB. IV. FEUCH, is àillidh thu, a bhean mo ghaoil (13); feuch, is àillidh thu! tha sùilean choluman agad an taobh a stigh do d’ chiabhaibh: tha t’fholt (14) mar threud ghabhar a nochdar o shliabh Ghilead (15). 2 Is cosmhuil do dheud ris an treud lomarta (16), a thàinig a (1) an éirich, an tog an la; an cuir an là ’anail a mach. Eabh. (2) sgapar, sgaoilear. (3) mhòr-bhaile. (4) seachad orra. (5) phùdaraibh. (6) leaba. (7) teòma. (8) carbad. (9) garmuinne. (10) air a sgaoileadh, air a leagadh. (11) o nigheanaibh, airson nigheana. (12) là, lò, (13) a bhanachara, a bhanacharaid. (14) do ghruag. (15) a dh’ionaltras mu bheinn Ghilead. (16) bhearrta, rùisgte. [TD 341] DAN SHOLAIMH. CAIB. V. nìos o’n àite-nighidh, a bheireas gach aon diubh càraid, agus gun aon chaora sheasg (1) ’nam measg. 3 Mar shnàthainn dearg (2) air a dhath dà uair tha do bhilean, agus tha do chainnt binn: mar mhìr (3) do phomgranat (4) tha do chamoga (5) am meadhon do chiabh. 4 Mar thùr Dhaibhidh tha do mhuineal, air a chur suas gu bhi ’na thigh-arm; tha mìle targaid crochta suas ris, uile sgiatha nan treun fhear. 5 Tha do dhà chìch mar dhà mheann earba, càraid na maoislich, a dh’ionaltras am measg nan lili. 6 Gus am bris (6) an là, agus an teich na sgàilean, théid mi gu beinn a’ mhirr, agus gu tulach na tùise. 7 Tha thu uile àillidh, a bhean mo ghaoil, agus smal (7) cha ’n’eil annad. 8 Leamsa o Lebanon, a chéile, leamsa thig o Lebanon: seall o mhullach Amana, o mhullach Shenir agus Hermoin, o àitibh tàimh (8) nan leòmhan, o bheanntaibh leopard. 9 Dh’éignich thu (9) mo chridhe, a phiuthar, a chéile; dh’éignich thu mo chridhe le aon do d’ shùilibh (10), le aon slabhraidh mu d’ mhuineal. 10 Cia taitneach ata do ghràdh, a phiuthar, a chéile! Cia mòr is fearr na fìon do ghràdh, agus fàile t’oladh-ungaidh na na h-uile spìosraidh! 11 Mar a’ chìr-mheala silidh do bhilean, a chéile: tha mil agus bainne fuidh d’ theangaidh, agus tha fàile (11) do thruscain mar fhàile cùbhraidh Lebanoin. 12 Is lios (12) glaiste thu, a phiuthar, a chéile, fuaran dùinte, tobar air a sheulachadh. 13 Tha do gheuga mar lios phomgranat, leis a’ mheas a’s taitniche (13); le croinn champhir maille re preasaibh spiocnaird, 14 Spiocnard (14) agus cròch (15), cuilc mhilis agus canal; leis na h-uile chraobhaibh tùise; mirr agus aloe (16), maille ris na spìosraidh a’s taghta; 15 Fuaran (17) lios, tobar uisgeacha beò, agus a’ sruthadh o Lebanon. 16 Eirich, a ghaoth a tuath, agus thig, a ghaoth a deas, séid air feadh mo liosa, rachadh fàile cùbhraidh a spìosraidh amach. Thigeadh m’annsachd (18) d’a lios, agus itheadh e a thoradh taitneach. CAIB. V. THA mi air teachd do m’ lios, a phiuthar, a chéile; thionail mi mo mhirr maille re m’ spìosraidh; dh’ith mi mo chìr-mheala maille re m’ mhil; dh’òl mi m’ fhìon maille re m’ bhainne. Ithibh, a chairde, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh. (1) air call a h-uain. (2) scarlaid corcuir. (3) shliseig. (4) ghran-ubhal. (5) leth-cheann, ghruaidhean. (6) Faic Caib II. r. 17. (7) gaoid, aineamh. (8) thuinnidhibh, gharaidhibh. (9) thug thu dh’aindeoin, thug thu leat, lìon thu thar tomhas. (10) dh’aon bheum le d’ shùilibh. (11) boltrach. (12) gàradh. (13) milse. (14) nard. Eabh. (15) cròthach; safron. Sasg. (16) aloes. Sasg. (17) tiobairt. (18) mo rùn, m’aon gràdhhach. [TD 342] DAN SHOLAIMH. CAIB. V. 2 Tha mi m’ chodal, ach a ta mo chridhe ’na fhaireach (1). Guth fir mo ghràidh a’ bualadh! Fosgail dhomh, mo phiuthar, mo bhanacharaid, mo choluman, mo bhean choimhlionta; oir tha mo cheann còmhdaichte le drùchd, mo chiabha le braonaibh na h-oidhche. 3 Chuir mi dhìom mo thruscan; cionnus a chuireas mi orm e? dh’ionnuil mi mo chosan; cionnus a shalaicheas mi iad? 4 Chuir fear mo ghràidh a làmh tròimh tholl an doruis, agus ghluaiseadh m’innigh air a shon (2). 5 Dh’éirich mi a dh’fhosgladh do fhear mo ghràidh; agus shil mo làmhan mirr, agus mo mheoir mirr ruidhteach, air làmhaibh na glaise. 6 Dh’fhosgail mi do fhear mo ghràidh; ach thionndaidh fear mo ghràidh, agus dh’imich e roimhe. Thréig m’anam mi (3) ’nuair a labhair e. Dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e; ghairm (4) mi air, ach cha do fhreagair e mi. 7 Fhuair an luchd-faire a bha dol air an cuairtibh sa’ chathair mi; bhuail iad mi, lot iad mi; thug luchd-coimhid nam balladh m’fhalluing (5) dhìom. 8 Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheana Ierusaleim, ma gheibh sibh fear mo ghràidh, gu’n innis sibh dha, mar a ta mi tinn le gràdh. 9 Ciod e fear do ghràidh-sa thar fear-gràidh eile, O thusa a’s àillidh (6) am measg bhan? ciod e fear do ghràidh-sa thar fear-gràidh eile, gu’n do chuir thu air an dòigh so mar fhiachaibh oirnn? 10 Tha fear mo ghràidh-sa geal agus dearg, sònruichte (7) am measg dheich mìle. 11 Tha a cheann mar an t-òr a’s gloine, a chiabha bachlagach (8), dubh mar am fitheach. 12 Tha a shùile mar shùilibh choluman làimh re sruthaibh uisgeacha, a nigheas iad féin ann am bainne, air an suidheachadh gu ceart (9). 13 Tha a ghruaidhean mar leabaidh spìosraidh, mar bhlàthaibh cùbhraidh; a bhilean mar lilidhibh, a’ sileadh mirr ruidhtich (10). 14 Tha a làmhan mar fhàinnibh òir suidhichte le berilibh; a chom mar fhiacail elephaint (11) lìobhta, air a cur thairis (12) le saphiribh. 15 Tha a chosan mar phostaibh marmoir, suidhichte air bonnaibh do’n òr a’s gloine; ’eugas (13) mar Lebanon, barraichte (14) mar na seudair (15). 16 Is ro-mhilis a bheul; seadh, tha e gu léir ionmhuinn. Is e so fear mo ghràidh-sa, agus is e so mo charaid, a nigheana Ierusaleim. (1) ’na dhùisg. (2) bha mo chridhe fo bhuaireas leis. (3) chaidh m’anam ann an neul, dh’fhàilnich m’anam, lagaich m’anam. (4) ghoir, ghlaodh. (5) m’fholach, mo chòmhdach. (6) maisiche. (7) cosmhuil ris-san a ghiùlaineas a’ bhratach. (8) caisreagach, dualach. (9) a’ suidhe ann an lànachd. Eabh. (10) chùbhraidh, dheadh-bholaidh. (11) ivory. Sasg. (12) còmhdaichte. (13) ’aogas, a choslas, a dhreach. (14) taghta, òirdheirc. (15) ceudair. [TD 343] DAN SHOLAIMH. CAIB. VI. CAIB. VI. C’AIT an deachaidh fear do ghràidh, O thusa a’s àillidh (1) am measg bhan? cia an taobh a thionndaidh fear do ghràidh? agus iarruidh sinn e maille riut. 2 Chaidh fear mo ghràidh-sa sìos d’a lios (2), gu leapaichibh nan spìosraidh, a dh’ionaltradh (3) anns na liosaibh, agus a thional lili. 3 Is le fear mo ghràidh mise, agus is leamsa fear mo ghràidh: tha e ag ionaltradh (4) am measg nan lili. 4 Is àillidh thu, a bhean mo ghaoil, mar Thirsah, maiseach mar Ierusalem, uamhasach mar shluagh le’m brataichibh. 5 Tionndaidh uam do shùilean, oir chlaoidh iad mi: tha t’fholt mar threud ghabhar a nochdar o Ghilead. 6 Tha do dheud mar threud chaorach, a thàinig anìos o’n àite-nighidh, a bheireas gach aon diubh càraid, agus gun aon chaora sheasg (5) ’nam measg. 7 Mar mhìr do phomgranat tha do chamoga am meadhon do chiabh (6). 8 Tha tri fichead banrighinn, agus ceithir fichead leannan (7) ann, agus òighean gun àireamh. 9 Is ise na h-aonar mo choluman, mo bhean choimhlionta; is i aon nighean a màthar i, a seircin-se a rug i (8). Chunnaic na nigheana i, agus bheannaich iad i; na banrighinnean agus na leannain, agus mhol iad i. 10 Cò ise a chithear (9) mar a’ mhaduinn, sgiamhach mar a’ ghealach, glan mar a’ ghrian, uamhasach mar shluagh le’m brataichibh? 11 Do lios nan cnò chaidh mi sìos, a ghabhail beachd (10) do thoradh a’ ghlinne, a dh’fhaicinn an robh an fhìonain fuidh bhlàth, an robh na pomgranait a’ briseadh a mach. 12 Mun d’thug mi an aire, ar leam gu’n do thairgneadh a mach dhomh (11) carbada Aminadaib (12). 13 Pill, pill, a Bhan-Sulamach, pill, pill, agus amhairceamaid ort. C’arson a dh’amhairceadh sibh air a’ Bhan-Sulamaich? mar bhuidheann dà fheachd (13). CAIB. VII. CIA àillidh do chosan ann am brògaibh, a nighean rìoghail (14)! tha uilt do shliasad mar usgraichibh (15), obair làmh fir-ceirde. 2 Tha t’imleag mar chuaich chruinn, air nach bi easbhuidh (16) dibhe; do bholg mar dhùn cruithneachd, cuartuichte le lilidhibh. 3 Tha do dhà chìch mar dhà mheann earba, càraid na maoislich. 4 Tha do mhuineal mar thùr (1) sgiamhaiche. (2) ghàradh. (3) a dh’itheadh. (4) ag itheadh. (5) air call a h-uain. (6) Faic Caib. IV. r. 1. 2. 3. (7) coimhleabach. (8) aon taghta na té a rug i. (9) a sheallas a mach. (10) seallaidh. (11) shaoil mi gu’n do thairgneadh a mach air mo shon; shuidhich m’anam dhomh. Eabh. (12) mo shluaigh dhìlis. (13) Mahanaim. Eabh. (14) a nighean an uachdarain. (15) sheudaibh. (16) dìth. [TD 344] DAN SHOLAIMH. CAIB. VIII. ìbhori (1); do shùilean mar lochaibh-éisg ann an Hesbon, làimh re geata Bhat-rabim; do shròn mar thùr Lebanoin, a sheallas a làimh Dhamascuis. 5 Tha do cheann ort cosmhuil re Carmel, agus folt (2) do chinn cosmhuil re corcur: tha an righ ceangailte ’na sheomraichibh (3). 6 Cia àillidh, agus cia taitneach a ta thu, a ghaoil, ann ad mhaisealachd (4)? 7 Tha’n airde sin agad cosmhuil re craoibh-phailme, agus tha do chìocha mar bhagaidibh fhìon-dhearc. 8 Thubhairt mi, Streapaidh mi suas do’n chraoibh-phailme, gabhaidh mi greim d’a geugaibh: agus a nis bithidh do chìocha mar bhagaidibh do’n fhìon-chraoibh (5), agus cùbhraidheachd t’eudain (6) mar chùbhraidheachd nan ubhall: 9 Mar an ceudna do chàirean mar am fìon a’s fearr, airson mo ghràidh, a théid sios gu milis (7), a’ toirt cainnte do bhilibh an dream a choidleas. 10 Is le fear mo ghràidh mise, agus is ann ormsa a tha a chion (8). 11 Thig, fhir mo ghràidh, rachamaid amach do’n mhachair, fanamaid rè na h-oidhche (9) anns na bailtibh. 12 Anns a’ mhoch-thrath rachamaid do na fìon-liosaibh, seallamaid am bheil an fhìon-chraobh air teachd fuidh bhlàth (10), am bheil an fhìon-dhearc bheag ’ga nochdadh féin, am bheil na pomgranait air briseadh a mach (11): an sin bheir mi mo ghràdh dhuit. 13 Tha na mandraga (12) a’ tabhairt fàile cubhraidh uatha; agus aig ar geataibh, gach meas a’s taghta, ùr agus sean, fhir mo ghràidh, thaisg mi dhuitse. CAIB. VIII. IS truagh nach robh thu mar mo bhràthair, a dheothail cìochan mo mhàthar! Nam faighinn a muigh thu, phògainn thu, agus cha deantadh tàir orm (13). 2 Threòraichinn thu, bheirinn leam thu do thigh mo mhàthar, a theagaisgeadh mi (14); bheirinn ort òl do fhìon spìosradhach (15), do shùgh mo phomgranait. 3 Bhiodh a làmh chli fo m’ cheann, agus bhiodh a làmh dheas timchioll orm. 4 Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheana Ierusaleim, [air earbaibh agus air eildibh na machrach], nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh gus an àill leis féin. 5 Cò ise a ta teachd a nìos o’n fhàsach, an taice re fear a gràidh? Fuidh’n chraoibh-ubhall thog mi suas thu: ansin bha do mhàthair re saothair ort; ansin bha i re saothair, rug i thu. 6 Cuir mise mar sheula air do chridhe, mar sheula air do (1) do fhiaclaibh elephant. (2) falt, gruag. (3) chlaisibh. (4) thaitneachd. (5) fhìonain. (6) boladh do shròna. (7) gu dìreach. Eabh. (8) a dhéidh. (9) tàmhamaid. (10) air briseadh amach. (11) fuidh bhlàth. (12) dudaim. Eabh. (13) gidheadh cha’n fhaighinn masladh. (14) Talmadni. Eabh. (15) measgta le spìosraidh. [TD 345] DAN SHOLAIMH. CAIB. VIII. ghairdean; oir làidir mar am bàs a ta ’n gràdh, an-iochdmhor mar an uaigh an t-eud: is eibhle teine ’eibhle-san, lasair ro-gharg. 7 Cha’n urrainn uisgeacha lìonmhor an gràdh a mhùchadh (1), agus cha bhàth na tuiltean e. Nan d’thugadh duine uile mhaoin a thighe air son gràidh, dheanadh daoine tàir air gu tur. 8 Tha piuthar bheag againn, agus cha ’n’eil cìochan aice: ciod a ni sinn airson ar peathar, san là anns an labhrar m’a timchioll? 9 Ma’s balladh i togaidh sinn oirre lùchairt airgid; agus ma’s dorus i, dùinidh sinn suas (2) i le bordaibh seudair (3), 10 Bu bhalladh mi, agus bha mo chìochan mar thùraibh: an sin bha mi ’na shùilibh mar aon a fhuair deadh-ghean. 11 Bha fìon-lios aig Solamh ann am Baal-hamon; dh’earb e am fìon-lios re (4) luchd-coimhid; bha gach fear gu tabhairt da, airson a thoraidh, mìle bonn airgid. 12 Tha’m fìon-lios a’s leamsa fa m’ chomhair: tha am mìle bonn dhuitse, a Sholaimh, agus dà cheud do luchd-coimhid a thoraidh. 13 O thusa a chòmhnuicheas anns na liosaibh, tha do chompanaich (5) a’ cluinntinn do ghutha, thoir ormsa a chluinntinn. 14 Luathaich ort, fhir mo ghràidh, agus bi cosmhuil re h-earb, no re laogh féidh air bheanntaibh nan spìosraidh. (1) a chur as. (2) còmhdaichidh sinn. (3) ceudair. (4) shuidhich e am fìon-lios air. (5) chaidreamhaich.