[TD 1] LEABHRAICHE AN T-SEANN TIOMNAIDH, AIR AN TARRUING O’N CHEUD CHANAIN CHUM GAELIC ALBANNAICH. ANN AN CEITHIR EARRANNAIBH. EARRANN I. Air iarrtas na Cuideachd urramaich, a ta chum eòlas CRÌOSDAIDH a sgaoileadh air feadh Gàeltachd agus eileana na h-ALBA. CLÒDH-BHUAILTE ’AN DUN-EIDIN, Le UILLIAM SMELLIE. M,DCC,LXXXIII. [TD 2] Entered in Stationers Hall, according to Act of Parliament. [TD 3] ADVERTISEMENT. IN the year 1767, the SOCIETY IN SCOTLAND FOR PROPAGATING CHRISTIAN KNOWLEDGE published a Translation of the NEW TESTAMENT into the GAELIC LANGUAGE, and distributed a number of copies in the Highlands and Western Isles. By the generosity of the Public, they hope soon to be enabled to defray the expence of translating and printing the OLD TESTAMENT; by which means, that numerous class of our countrymen, who understand no other language than Gaelic, will be furnished with the whole Sacred Writings. The Translation is to be printed in Four Parts, or Numbers. The First, which contains the PENTATEUCH, or Five Books of MOSES, is now finished; and the other three Parts will be completed with all the expedition of which the nature of such an undertaking can admit. The Translator has endeavoured to preserve the literal meaning and arrangement of the words in the Hebrew Text. In the original, some words not unfrequently occur, which may be differently interpreted. In cases of this kind, the Translator has adopted what appeared to him to be the most proper signification. He has, however, in many instances, given the other meanings at the bottom of the page. He has sometimes been obliged to use words which may not be known in every district of the Highlands. To remedy this inconvenience, he has likewise subjoined, in notes, other words which convey nearly the same meaning: But as these explanatory, or synonymous words could not be always repeated, an alphabetical list of them, together with the corresponding English words, is printed at the end of the present volume. [TD 4] Ainmean leabhraiche MHAOIS. GENESIS anns am bheil 50 CAIB. ECSODUS 40 LEBHITICUS 27 AIREAMH 37 DEUTERONOMI 34 [TD 5] CEUD LEABHAR MHAOIS, D’ AN AINM GENESIS. CAIB. I. ’SAN toiseach chruthaich Dia (1) na neamhan agus an talamh. 2 Agus bha’n talamh gun dealbh (2) agus falamh (3); agus bha dorchadas air (4) aghaidh na doimhne (5): agus bha Spiorad Dé a’ gluasad (6) air aghaidh nan uisgeacha. 3 Agus thubhairt (7) Dia, Biodh solus ann: agus bha solus ann. 4. Agus chunnaic (8) Dia an solus, gu (9) ’n robh (10) e math (11): agus chuir Dia dealachadh eadar an solus agus an dorchadas. 5 Agus dh’ainmich Dia an solus Là (12), agus an dorchadas dh’ainmich e Oidhche: agus b’iad am feasgar agus a’mhadainn an ceud là. 6 Agus thubhairt Dia, Biodh athar (13) ’am meadhon nan uisgeacha, agus cuireadh e dealachadh eadar uisgeachan agus uisgeacha. 7 Agus rinn Dia an t-athar, agus chuir e dealachadh eadar na h-uisgeachan a bha fuidh’n athar, agus na h-uisgeachan a bha os cionn (14) an athair: agus bha e mar sin. 8 Agus dh’ainmich Dia an t-athar Neamh: agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn (15) an dara (16) là. 9 Agus thubhairt Dia, Cruinnichear na h-uisgeachan a ta fuidh nèamh a dh’aon àite, agus leigear ris am fearann tioram (17): agus bha e mar sin. 10 Agus dh’ainmich Dia am fearann tioram Talamh, agus cruinneachadh nan uisgeacha dh’ainmich e Fairgeachan (18): agus chunnaic Dia gu’n robh e math. 11 Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a mach feur, luibh a ghineas sìol, craobh-mheas a bheir a mach meas (19) a réir a gnè (20), aig am bheil a sìol (21) innte féin air an talamh: agus bha e mar sin. 12 Agus thug an talamh mach feur, luibh a ghineas sìol a réir a gnè, agus craobh a bheir a mach meas, aig am bheil a sìol innte féin a réir a gnè: agus chunnaic Dia gu’n robh e math. 13 Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an treas là. 14. Agus thubhairt Dia, Biodh soluis (22) ann an speuraibh nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche, agus bitheadh iad air son chomharan (23), agus air son aimsirean, agus air son lài (24), agus bhliadhnacha. 15 Agus biodh iad mar sholu- (1) an t-Uile-chumhachdach. (2) gun chumadh, gun dreach. (3) fàs; folamh. Eir. (4) er. (5) an aigein. (6) a’ gur gu caomh. (7) thuirt; a dubhairt. Eir. (8) chonnairc. Eir. (9) go. Eir. (10) ro; raibh. Eir. (11) maith. (12) ghoir Dia do’n t-solus Latha. (13) aidhear, iormoilt, speuran. (14) os ceann. (15) do budh e an nòin agus an mhaidean. Eir. (16) darna. (17) an talamh tioram; an ùir thioram. (18) maranna, cuanta. (19) a thilgeas meas, air am fàs meas. (20) cineil, seòrta. (21) fras, ros. (22) lòchrain. (23) mar chomharthan. (24) làethe. [TD 6] GENESIS. CAIB. I. san (1) ann an speuraibh nèimh, a thoirt soluis air an talamh (2): agus bha e mar sin. 16 Agus rinn Dia dà sholus mhòr, an solus a’s mò a riaghladh an latha (3), agus an solus a’s lugha a riaghladh na h-oidhche; agus na reulta (4). 17 Agus shuidhich Dia iad ann an speuraibh nèimh, a thoirt (5) soluis air an talamh, 18 Agus a riaghladh ’san là, agus ’san oidhche (6), agus a chur dealachaidh eadar an solus agus an dorchadas: agus chunnaic Dia gu’n robh e math. 19 Agus b’ iad am feasgar agus a ’mhadainn an ceathramh là. 20 Agus thubhairt Dia, Thugadh na h-uisgeachan a mach gu pailt an creutair gluasadach anns am bheil beatha (7), agus biodh eunlaith ag itealach’ (8) os cionn na talmhainn air aghaidh speura néimh (9). 21 Agus chruthaich Dia muca-mara (10) mòra, agus gach uile chreutair beo a ghluaiseas, a thug (11) na h-uisgeachan a mach gu pailt a réir an gnè, agus gach eun iteagach (12) a réir a ghnè: agus chunnaic Dia gu’n robh e math. 22 Agus bheannaich Dia iad, ag ràdh, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh na h-uisgeachan anns na fairgibh, agus fàsadh an eunlaith lìonmhor air an talamh. 23 Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an cùigeadh là. 24 Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh amach an creutair beo a réir a ghnè, spréidh, agus gach ni a shnàigeas (13), agus beathaiche (14) na talmhainn a réir an gnè: agus bha e mar sin. 25 Agus rinn Dia beathaiche na talmhainn a réir an gnè, agus an spréidh a réir an gnè, agus gach ni a shnàigeas air an talamh a réir a ghnè: agus chunnaic Dia gu’n robh e math. 26. Agus thubhairt Dia, Deanamaid duine ’nar dealbh (15) féin, a réir ar coslais féin, agus biodh uachdranachd aca os cionn éisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur (16) agus os cionn na spréidhe, agus os cionn na talmhainn uile, agus os cionn gach ni a shnàigeas a ta snàigeadh air an talamh. 27 Agus chruthaich Dia an duine ’na dhealbh féin; ann an dealbh Dhé chruthaich se e: firionnach agus bainionach (17) chruthaich e iad. 28 Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e; agus biodh uachdranachd agaibh os cionn éisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach ni beò a ghluaiseas air an talamh. 29. Agus thubhairt Dia, Feuch, thug mi dhuibh gach luibh a ghineas sìol, a ta air aghaidh na talmhainn uile, agus gach craobh anns am bheil meas craoibh a ghineas sìol; dhuibhse bithidh e mar bhiadh (18). 30 Agus do uile bheathai- (1) air son sholusan, ’nan lòchranaibh. (2) a shoillseachadh na talmhainn. (3) là, lò. (4) reannaga, rionnagan. (5) a thabhairt. (6) a riaghladh an latha agus na h-oidhche. (7) anam beo. Eabh. (8) agus eunlaith a dh’itealaicheas. (9) ann an speuraibh nèimh. (10) mìola. Eir. (11) noch thugadar. Eir. (12) sgiathach, sgiathanach. (13) chrùbas; shnaigheas, shnàmhas. Eir. (14) fiadh-bheathaiche. (15) ìomhaigh, cruth. (16) nèimh, an athair. (17) fear agus bean, firionn agus boirionn. (18) air son bìdh. [TD 7] GENESIS. CAIB. II. chibh (1) na talmhainn, agus do uile eunlaith nan speur, agus do gach ni a shnàigeas air an talamh, anns am bheil beatha (2), thug mi gach luibh ghorm (3) mar bhiadh: agus bha e mar sin. 31. Agus chunnaic Dia gach a ni a rinn e, agus feuch, bha e ro mhath. Agus b’iad am feasgar agus a’ mhadainn an seathadh (4) là. CAIB. II. AGUS chrìochnaicheadh na neamhan agus an talamh, agus an sluagh uile. 2 Agus chrìochnaich Dia air an t-seachdadh là obair a rinn e; agus ghabh e fois (5) air an t-seachdadh là o obair uile rinn e. 3 Agus bheannaich Dia an seachdadh là, agus naomhaich se e: do bhrì’ gur ann air a ghabh e fois o obair uile, a chruthaich Dia agus a rinn e. 4 ’Siad so ginealaich nan neamh agus na talmhainn, ’nuair a chruthaicheadh iad, san là’n d’rinn an Tighearna (6) Dia an talamh agus na neamha. 5 Agus cha robh uile phreas na machrach fathast anns an talamh, agus cha d’fhàs fathast uile lus na machrach (7); do bhrì’ nach d’thug an Tighearna Dia air uisge frasadh (8) air an talamh, agus cha robh duine ann a shaoithreachadh na talmhainn. 6 Ach chaidh ceò suas o’n talamh, agus dh’uisgich e aghaidh na talmhainn uile. 7 Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine do dhuslach na talmhainn: agus shéid e ann an cuineinibh (9) a shròine anail na beatha; agus dh’ fhàs an duine ’na anam beò. 8 Agus shuidhich (10) an Tighearna Dia gàradh (11) ann Eden ’san airde ’n ear, agus chuir e ann an sin an duine a dhealbh e. 9 Agus thug an Tighearna Dia air gach uile chraoibh fàs as an talamh a ta taitneach do’n t-sealladh, agus math a chum bìdh: craobh na beatha mar an ceudna ann am meadhon a’ ghàraidh, agus craobh an eòlais mhaith agus uilc. 10 Agus chaidh abhainn (12) a mach a h-Eden a dh’uisgeachadh a’ ghàraidh; agus as sin roinneadh i, agus dh’fhàs i ’na ceithir cheannaibh (13). 11. ’Se ainm na ceud aibhne Pison; so i a ta cuartachadh tìre Chabhilaih uile, far am bheil òr. 12 Agus a ta òr na tìre sin math: ’an sin (14) a ta bdellium agus a’ chlach onics. 13 Agus ’se ainm na daradh aibhne Gihon: ’si sin a ta cuartachadh tìre Chuis (15) uile. 14 Agus ’se ainm na treas aibhne Hiddecel: ’si sin a tha dol do’n taoibh an ear do Assiria. Agus ’si’n ceathramh abhainn Euphrates. 15 Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir se e ann an gàradh Edein, g’a shaoithreachadh (16) agus g’a ghleidheadh. 16 Agus dh’àithn an Tighearna Dia do’n duine, ag ràdh, Do gach uile chraoibh ’sa ghàradh feudaidh tu itheadh gu saor: 17 Ach do chraoibh an eòlais (17) mhaith agus uilc, cha’n ith thu dh’i (1) gach uile bheathach. (2) anam beo. Eabh. (3) ghlas. (4) seiseadh. Eir. (5) rinn e tàmh. (6) Jehobhah. Eabh. (7) Agus gach uile phreas na machrach mu’n robh e anns an talamh, agus gach uile lus na machrach mu’n d’fhàs e. (8) sileadh. (9) pollaibh, pollaraibh, coi’lionaibh. (10) phlaondaich, dheasaich. (11) lios. (12) amhainn. (13) as sin sgaoil i, agus dh’fhàs i ’na ceithir meuraibh. (14) ann an sin. (15) Arabia; Ethiopia. Sasg. (16) dheasachadh. (17) shios. [TD 8] GENESIS. CAIB. III. sin; oir anns an là dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu. 18. Agus thubhairt an Tighearna Dia, Cha (1) ’n’eil e math gu’m biodh an duine ’na aonar: Ni mi dha còmhnadh (2) d’a réir féin (3). 19 Agus dhealbh an Tighearna Dia as an talamh uile bheathaiche na machrach, agus uile eunlaith nan speur, agus thug e iad a chum Adhaimh, a dh’fhaicsinn cionnas a dh’ainmicheadh e iad: agus ge b’e ainm a thug Adhamh air gach creutair beo (4), b’e sin a b’ainm dha. 20 Agus thug Adhamh ainmeana do’n spréidh uile, agus do eunlaith nan speur, agus do uile bheathaichibh na machrach: ach do Adhamh cha d’fhuaradh còmhnadh d’a réir féin. 21 Agus thug an Tighearna Dia air codal trom tuiteam air Adhamh, agus choidil e: agus ghabh e h-aon d’a aisnibh, agus dhùin e ’n fheoil suas ’na h-àite. 22 Agus thog (5) an Tighearna Dia an aisean a thug e o’n duine suas ’na mnaoi, agus thug e i chum an duine. 23 Agus thubhairt Adhamh, So a nis (6) cnàimh dom’ chnàmhaibh, agus feoil dom’ fheoil-sa: goirear bean (7) dith, do bhrì’ gur ann as an duine (8) thugadh i. 24 Air an aobhar (9) sin fàgaidh fear athair agus a mhàthair, agus dlù-leannaidh se r’a mhnaoi; agus bithidh iad ’nan aon fheoil. 25 Agus bha iad le chéile lomnochd, an duine agus a bhean; agus cha robh nàir’ orra. CAIB. III. A NIS bha ’n nathair (10) ni bu sheòlta (11) na h-aon do bheathaichibh na machrach a rinn an Tighearna Dia; agus thubhairt i ris a’ mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Cha ’n ith sibh do gach craoibh ’sa’ ghàradh? 2 Agus thubhairt a’ bhean ris an nathair, Do mheas craobhan a’ ghàraidh feudaidh sinn itheadh: 3 Ach do mheas na craoibh a ta ann am meadhon a’ ghàraidh, thubhairt Dia, Cha’n ith sibh dheth, agus cha bhean sibh ris, a chum nach fuigh sibh (12) bàs. 4 Agus thubhairt an nathair ris a’ mhnaoi, Gu cinnteach cha ’n fhuigh sibh bàs: 5 Oir a ta fios aig Dia, ’san là a dh’itheas sibh dheth, gu’m fosgailear bhur (13) sùilean, agus gu’m bi sibh mar dhée, fiosrach air math agus air olc. 6 Agus chunnaic a’ bhean gu’n robh a’ chraobh math a chum bìdh, agus gu’n robh i taitneach do ’n t sùil (14), agus ’na craoibh r’a miannachadh a dheanamh neach glic; agus ghabh i d’a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna d’a fear maille ria, agus dh’ith e. 7 Agus dh’fhosgladh an sùile le chéile, agus dh’aithnich iad gu’n robh iad lom-nochd; agus dh’fhuaigh iad duilleach croinn-fhìgis r’a chéile, agus rinn iad dhoibh féin aprain (15). (1) Cho. (2) cunghnamh. Eir. (3) a bhios iomchuidh dha, cosmhuil ris féin. (4) thug e iad a dh’ ionnsuidh Adhaimh, a dh’fhaicsinn ciod a ghoireadh e dhiubh: agus ge b’e air bith a ghoir Adhamh do gach uile chreutair beò. (5) rinn. (6) a nois. Eir. (7) isha. Eabh. (8) ish. Eabh. (9) àdhbhar. (10) aithir. (11) innleachdaiche, raideile, shiteile, charaiche, chuilbheartaiche. (12) an t-eagal gu’m suigh. (13) ar. (14) na sùilibh. (15) criosan. Eabh. [TD 9] GENESIS. CAIB. III. 8 Agus chual’ iad guth an Tighearna Dé ag imeachd (1) ’sa’ ghàradh am fionn-fhuaireachd an là: agus dh’fholaich Adhamh agus a bhean iad féin o ghnùis an Tighearna Dé am measg chraobh a’ ghàraidh. 9 Agus dh’éigh (2) an Tighearna Dia air Adhamh, agus thubhairt e ris, C’àit’ am bheil thu? 10 Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth ’sa’ ghàradh, agus bha eagal orm a chionn gu’n robh mi lom-nochd (3), agus dh’fholaich mi mi féin. 11 Agus thubhairt e, Cò dh’innis dhuit gu’n robh thu lomnochd? An d’ith thu do ’n chraoibh, a dh’àithn mise dhuit gun itheadh dhith? 12 Agus thubhairt an duine, A’ bhean a thug thu gu bhi maille rium, thug ise dhamh do’n chraoibh, agus dh’ith mi. 13 Agus thubhairt an Tighearna Dia ris a’ mhnaoi, Ciod e so a rinn thu (4)? agus thubhairt a’ bhean, Mheall an nathair mi, agus dh’ith mi. 14. Agus thubhairt an Tighearna Dia ris an nathair, A chionn gu’n d’ rinn thu so, tha thu mallaichte thar gach ainmhidh (5), agus thar uile bheathaiche na machrach: air do bhroinn imichidh tu, agus duslach (6) ithidh tu uile lài (7) do bheatha. 15 Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thus’ agus a’ bhean, agus eadar do shìols’ agus a sìol-sa: bruthaidh esan (8) do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san. 16 Ris a’ mhnaoi thubhairt e Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thoirrcheas; am péin beiridh tu clann, agus re t’fhear bithidh do thogradh (9), agus bithidh uachdranachd aige ort (10). 17 Agus re h-Adhamh thubhairt e, Do bhri’ gu’n d’éisd thu re guth do mhnà, agus gu’n d’ith thu do’n chraoibh a dh’àithn mise dhuit, ag ràdh, Cha’n ith thu dhith, tha’n talamh mallaicht’ air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile lài do bheatha. 18 Agus droighionn agus cluarain (11) bheir e mach dhuit, agus ithidh tu luibh na machrach. 19 Am fallus (12) do ghnùis’ ithidh tu aran, gus am pill thu a dh’ ionnsuidh na talmhainn (13); oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach pillidh tu. 20 Agus thug Adhamh Eubha mar ainm air a mhnaoi, do bhri’ gu’m bi màthair nan uile bheo i. 21 Agus rinn an Tighearna Dia do Adhamh agus d’a mhnaoi, còtaichean croicinn, agus chòmhdaich e iad (14). 22 Agus thubhairt an Tighearna Dia, Feuch, a ta’n duine air fàs mar aon dhinn féin, fiosrach air math agus olc. Agus a nis an t-eagal gu’n sìneadh e mach a làmh, agus gu’n gabhadh e mar an ceudna do chraoibh na beatha, agus gu’n itheadh e, agus gu’m biodh e beo gu siorruidh: 23 Air an aobhar sin chuir an Tighearna Dia a mach e a gàradh Edein a shaoithreachadh na talmhainn, as an d’thugadh e. 24 Agus dh’fhògair e mach an (1) a’ spaisdeireachd, a’ sràid-imeachd. (2) ghoir, ghairm, ghlaodh. (3) a chionn mi bhi rùisgte. (4) Go dé so a rinn thu? (5) spréidh. (6) ùir. (7) làethe, lathachan. (8) e-san, eisean. (9) iartus. (10) os do chionn. (11) oighionnach; loghannain. Eir. (12) sollus. (13) ùire. (14) dh’eudaich e iad, chuir a trusgan orra. [TD 10] GENESIS. CAIB. IV. duine; agus shuidhich e ’san taobh an ear do ghàradh Edein Cheruban (1), agus cloidheamh lasrach (2), a bha tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh (3) slighe craoibh na beatha. CAIB. IV. AGUS dh’aithnich Adhamh a bhean Eubha, agus dh’fhàs i torrach (4), agus rug i Cain, agus thubhairt i, Fhuair mi duine o’n Tighearna. 2 Agus a rìs rug i a bhràthair Abel: agus bha Abel ’na bhuachaille chaorach, ach bha Cain ’na threabhaiche fearainn (5). 3 Agus tharladh (6) ’an ceann lài àraidh (7), gu’n d’ thug Cain do thoradh an fhearainn tabhartas (8) do’n Tighearna. 4 Agus thug Abel mar an ceudna do cheud-ghinibh a thréid, agus d’an saill: agus bha meas aig an Tighearn air Abel agus air a thabhartas: 5 Ach air Cain, agus air a thabhartas, cha robh meas aige. Agus bha Cain fuidh throm fheirg (9), agus thuit a ghnùis (10). 6 Agus thubhairt an Tighearna re Cain, C’ar son a tha fearg ort? agus c’ar son a thuit do ghnùis? 7 Ma ni thu gu math, nach gabhar riut? agus mur dean thu gu math, aig an dorus tha peacadh ’na luidhe. Agus riutsa bithidh a thogradh, agus bithidh uachdranachd agad air. 8 Agus labhair Cain re h-Abel (11) a bhràthair: agus ’nuair a bha iad ’sa’ mhachair (12), dh’éirich Cain suas ’an aghaidh Abeil a bhràthar, agus mharbh se e. 9 Agus thubhairt an Tighearna re Cain, C’àit’ am bheil Abel do bhràthair? agus thubhairt esan, Cha’n ’eil fhios agam (13). Am mise fear-gleidhidh mo bhràthar? 10 Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fola do bhràthar ag éigheach riumsa o’n talamh. 11 Agus a nis tha thu mallaichte o’n talamh, a dh’fhosgail a bheul a ghabhail fola do bhràthar o d’ làimh. 12 ’Nuair a shaoithricheas tu ’n talamh, cha toir (14) e dhuit a so suas a neart. A’t’fhògarach agus a’ t’fhear-fuadain bithidh (15) tu air an talamh. 13 Agus thubhairt Cain ris an Tighearna, Is mò mo pheanas na gur urrainn mi ghiùlan (16). 14. Feuch, dh’ fhògair thu mi mach an diugh bhàrr aghaidh na talmhainn: agus o d’ ghnùis-sa folaichear mi, agus bithidh mi m’fhògarach agus a’m’fhear-fuadain air an talamh; agus tarlaidh gach neach a gheibh mi (17) gu marbh e mi. 15 Agus thubhairt an Tighearna ris, Uime sin ge b’e air bith a mharbhas Cain, nìthear a sheachd uiread do dhioghaltas air (18). Agus chuir an Tighearna comhar’ air Càin, a chum ge b’ e neach a gheibheadh e nach marbhadh se e. 16 Agus chaidh Cain a mach a làthair an Tighearna, agus ghabh e còmhnuidh ann an tìr Nod an taobh an ear do Eden (19). (1) Cherubim. Eabh. (2) lasartha. (3) choimhead. (4) thorraicheadh i; dh’fhàs i leatromach. (5) talmhainn. (6) thachair; bha e. Eabh. (7) àraid. (8) tiodhlac, ofrail. (9) làn feirge. (10) luidh gruaim air. (11) bha focail eadar Cain agus Abel. (12) ’san fhaiche, ’sa’ mhagh. (13) Cha’n aithne dhamh, cha’n fhiosrach mi. (14) cha doir, cho tabhair. (15) biaidh. Eir. (16) ’Smò mo choire na gu’m feudar a laghadh dhamh. (17) dh’amaiseas orm. (18) nithear dioghaltas seachd-fhillte air. (19) ’san aird an ear o Eden. [TD 11] GENESIS. CAIB. V. 17 Agus dh’aithnich Càin a bhean, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Enoch: agus thog e baile (1), agus ghoir e ainm a bhaile a réir ainme a mhic, Enoch. 18 Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Lamech. 19 Agus ghabh Lamech dha féin dà mhnaoi: b’e ainm a h-aon diubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah. 20 Agus ghin Adah Iabal: b’esan athair na droinge (2) a ta gabhail còmhnuidh ’am bùthaibh (3), agus na droinge aig am bheil spréidh. 21 Agus b’e ainm a bhràthar Iubal: b’esan athair nan uile a laimhsicheas clàrsach agus organ. 22 Agus Sillah, rug ise mar an ceudna Tubal-cain, fear-teagaisg gach uile fir-ceird ann an ùmhadh (4) agus ’an iarun: agus b’i piuthar Thubal-cain, Naamah. 23 Agus thubhairt Lamech r’a mhnaibh, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnài Lameich, éisdibh rem’ chainnt: oir mharbh mi duine chum mo lotaidh, agus òganach a chum mo chiurraidh (5). 24 Ma dhìolar Càin a sheachd uiread, gu deimhin dìolar Lamech a sheachd-deug agus a thri fichead uiread. 25 Agus dh’aithnich Adhamh a rìs a bhean, agus rug i mac, agus thug i Set (6) mar ainm air; oir dh’òrduich Dia, thubhairt i, dhomhsa sliochd eile ’n àite Abeil, a mharbh Cain. 26 Agus do Shet féin mar an ceudna rugadh mac, agus thug e Enos mar ainm air: ’an sin thòisich daoine re gairm air ainm an Tighearna. CAIB. V. ’S E so leabhar ghinealach Adhaimh: ’san là’n do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dé rinn se e. 2 Firionnach agus bainionnach chruthaich e iad; agus bheannaich e iad, agus thug e Adhamh (7) mar ainm orra, san là’n do chruthaicheadh iad. 3 Agus bha Adhamh beò ceud agus deich bliadhna fichead, agus ghin e mac ’na choslas féin, a réir ìomhaigh féin (8); agus thug e Set mar ainm air. 4 Agus b’iad lài Adhaimh ’an déigh dha Set a ghintinn (9), ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheana. 5 Agus b’ iad uile lài Adhaimh a bha e beo, naoi ceud agus deich bliadhna fichead; agus fhuair e bàs. 6 Agus bha Set beo ceud agus cùig bliadhna, agus ghin e Enos. 7 Agus bha Set beo, ’n déigh dha Enos a ghintinn, ochd ceud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheana. 8 Agus b’iad uile lài Shet naoi ceud agus dà-bhliadhna-dheug; agus fhuair e bàs. 9 Agus bha Enos beo ceithir fichead bliadhna ’sa deich, agus ghin e Cainan. 10 Agus bha Enos beo, ’n déigh dha Cainan a ghintinn, ochd ceud agus cùig-bliadhna-deug, agus ghin e mic agus nigheana. 11 Agus b’ iad uile lai Enois naoi ceud agus cùig bliadhna; agus fhuair e bàs. (1) cathair. (2) muintir, dream. (3) bothagaibh, pàilliunaibh. (4) prais. (5) dhochair. (6) Seth. Eabh. (7) duine. (8) ’na dhealbh, ’na chruth fein. (9) ghineamhuin. Eir. [TD 12] GENESIS. CAIB. VI. 12 Agus bha Cainan beo deich bliadhna ’s tri fichead, agus ghin e Mahalaleel. 13 Agus bha Cainan beo, ’n déigh dha Mahalaleel a ghintinn, ochd ceud agus dà fhichead bliadhna, agus ghin e mic agus nigheana. 14 Agus b’iad uile lài Chainain naoi ceud agus deich bliadhna; agus fhuair e bàs. 15 Agus bha Mahalaleel beo cùig bliadhna ’s tri fichead, agus ghin e Iared. 16 Agus bha Mahalaleel beo, ’n déigh dha Iared a ghintinn, ochd ceud agus deich bliadhna fichead, agus ghin e mic agus nigheana. 17 Agus b’ iad uile lài Mhahalaleeil ochd ceud, ceithir fichead, agus cùig-bliadhna-deug; agus fhuair e bàs. 18 Agus bha Iared beo ceud agus tri fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e Enoch. 19. Agus bha Iared beò, ’n déigh dha Enoch a ghintinn, ochd ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheana. 20 Agus b’ iad uile lài Iareid naoi ceud, tri fichead, agus dà bhliadhna; agus fhuair e bàs. 21 Agus bha Enoch beo tri fichead agus cùig bliadhna, agus ghin e Metuselah. 22 Agus ghluais Enoch maille re Dia, ’n déigh dha Metuselah a ghintinn, tri cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheana. 23 Agus b’ iad uile lài Enoich tri cheud, agus tri fichead, agus cùig bliadhna. 24 Agus ghluais Enoch maille re Dia, agus cha robh e ann, oir thug Dia leis e. 25 Agus bha Metuselah beo ceud, agus ceithir fichead, agus seachd bliadhna, agus ghin e Lamech. 26 Agus bha Metuselah beo, ’n déigh dha Lamech a ghintinn, seachd ceud, ceithir fichead, agus dà bhliadhna, agus ghin e mic agus nigheana. 27 Agus b’ iad uile lài Mhetuselaih naoi ceud agus tri fichead agus naoi bliadhna; agus fhuair e bàs. 28 Agus bha Lamech beo ceud agus ceithir fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mac. 29 Agus thug e Noah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an ti so féin sòlas dhuinne thaobh ar n-oibre agus saoithreach ar làmh a thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearn. 30 Agus bha Lamech beo, ’n déigh dha Noah a ghintinn, cùig ceud, ceithir fichead, agus cùig-bliadhna-deug; agus ghin e mic agus nigheana. 31 Agus b’ iad uile lài Lameich, seachd ceud agus tri fichead agus seachd-bliadhna-deug; agus fhuair e bàs. 32 Agus bha Noah cùig ceud bliadhna dh’aois: agus ghin Noah Sem, Ham, agus Iaphet. CAIB. VI. AGUS ’nuair a thòisich daoine re fàs lìonmhor air aghaidh na talmhainn, agus a rugadh nigheana dhoibh, 2 Agus a chunnaic mic Dhé nigheana dhaoine (1), gu’n robh iad sgiamhach, ghabh iad dhoibh fein mnài do gach uile a ròghnaich iad. 3 Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’stri’ (1) chunnaic mic nan daoine cumhachdach nigheana dhaoin’ ìsle. [TD 13] GENESIS. CAIB. VI. ris an duine a ghnà (1), do bhrì’ gur feoil a mhàin e (2): gidheadh bithidh a lathan ceud agus fichead bliadhna. 4 Bha famhairean (3) air an talamh ’sna laithibh sin; agus mar an ceudna ’na dhéigh sin, ’nuair a thàinig mic Dhé a steach a chum nigheana dhaoine, agus a rug iad clann dhoibh, dh’fhàs iad sin ’nan daoinibh treuna, a bha o shean ’nan daoinibh ainmeil. 5 Agus chunnaic an Tighearna gu’m bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu’n robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a mhàin olc gach aon là (4). 6 Agus b’ aithreach leis an Tighearna gu’n d’ rinn e ’n duine air an talamh, agus thog e doilgheas (5) da ’na chridhe. 7 Agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi ’n duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn, araon duine agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gu’n d’ rinn mi iad. 8 Ach fhuair Noah deagh-ghean (6) ann an sùilibh an Tighearna. 9 ’S iad so ginealaich Noaih: Bha Noah ’na dhuine cothromach (7), agus iomlan ’na linn (8); agus ghluais Noah maille re (9) Dia. 10 Agus ghin Noah triuir mhac, Sem, Ham, agus Iaphet. 11 Agus bha ’n talamh truaillidh am fianais Dé, agus lìonadh an talamh le foirneart. 12 Agus dh’amhairc Dia air an talamh, agus feuch, bha e truaillidh; oir thruaill gach uile fheoil a slighe air an talamh. 13 Agus thubhairt Dia re Noah, Thàinig crìoch gach uile fheòla a’m’ fhianuis; oir tha’n talamh air a lìonadh le foirneart d’an trìd-san (10): agus feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh. 14 Dean dhuit féin àirc do fhiodh ghopher; seòmraichean ni thu ’san àirc (11), agus còmhdaichidh tu i stigh agus a muigh le pic. 15 Agus so a’ chumachd air an dean thu i: Tri cheud làmh-choille (12) fad na h-àirce, leth-cheud làmh-choille a leud, agus deich ’ar fhichead (13) làmh-choille a h-àirde. 16 Uinneag (14) ni thu do’n àirc, agus ’an làimh-choille crìochnaichidh tu i ’na mullach (15); agus dorus na h-àirce cuiridh tu ’na taobh: le lobhtaibh ìochdrach, meadhonach (16), agus uachdrach (17) ni thu i. 17 Agus feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios gach uile fheòla, anns am bheil anail na beatha fuidh (18) nèamh: agus gheibh gach ni a ta air an talamh bàs. 18 Ach daingnichidh mi mo choi’-cheangal (19) riutsa: agus théid thu a steach do’n àirc, thu féin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnài (20) do mhac maille riut. 19 Agus do gach uile ni beo do’n uile fheoil, dithis do gach seòrta (21) bheir thu steach do’n àirc, gu’n gleidheadh beò maille (1) ghnàth. (2) gur feoil esan mar an ceudna. (3) fuamhairean, curaidhean, athaich. (4) ’an còmhnuidh, daonan. (5) cràdh, mulad. (6) fàbhor. (7) ceart, ionruic. (8) ’na ghinealachaibh. (9) ri. (10) le h-urchoid leo-san. (11) ’na seòmraichibh beaga ni thu an àirc. (12) bann-lamh. (13) deich thar fhichead. (14) Fuinneog. Eir. (15) os cionn. (16) dara. (17) treas. (18) fo. (19) mo chunradh, mo chùmhnant. (20) mrathan. (21) seòrsa. [TD 14] GENESIS. CAIB. VII. riut: firionn agus bainionn (1) bithidh siad. 20 Do’n eunlaith a réir an gnè, agus do’n spréidh a réir an gnè, agus do gach ni a shnàigeas air an talamh a réir a ghnè: théid dithis do gach seòrta steach a’t’ ionnsuidh, gu’n gleidheadh beo. 21 Agus gabh thusa dhuit do gach uile bhiadh a dh’ithear, agus cruinnichidh tu a’t’ ionnsuidh e; agus bithidh e dhuitse agus dhoibhsan air son beathachaidh (2). 22 Mar so rinn Noah; a réir gach ni a dh’ àithn Dia dha, mar sin rinn e. CAIB. VII. AGUS thubhairt an Tighearna re Noah, Rach thusa (3), agus do thigh uile, a steach do’n àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach a’m’ fhianuis ’sa’ ghinealach so (4). 2 Do gach uile ainmhidh glan gabhaidh tu dhuit ’nan seachdaibh, am firionn agus a bhanionn; agus do ainmhidhibh nach ’eil glan, ’nan dithisibh (5), am firionn agus a bhainionn: 3 Mar an ceudna do eunlaith nan speur’nan seachdaibh, firionn agus bainionn, a ghleidheadh sìl beò air aghaidh na talmhainn uile: 4 Oir fathast seachd lathan, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà fhichead là agus dà fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi (6) gach dùil bheo a rinn mi, bhàrr aghaidh na talmhainn. 5 Agus rinn Noah a réir gach ni a dh’àithn an Tighearna dha. 6 Agus bha Noah sè ceud bliadhna dh’aois, ’nuair a bha ’n dìle (7) uisgeachan air an talamh. 7 Agus chaidh Noah steach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnài a mhac maille ris, do’n àirc, air son uisgeacha na dìle. 8 Do ainmhidhibh glan, agus do ainmhidhibh nach ’eil glan, agus do eunlaith, agus do gach ni a shnàigeas air an talamh, 9 Chaidh dithis agus dithis (8) a steach a dh’ ionnsuidh Noaih do’n àirc, firionn agus bainionn, a réir mar a dh’ àithn Dia do Noah. 10 Agus ’an déigh sheachd lài bha uisgeacha na dìle air an talamh. 11 Anns an t-seathadh ceud bliadhna dh’aois Noaih, ’san dara mìos, ’san t-seachdamh latha deug do’n mhìos, ’san là sin féin bhriseadh suas uile thobraiche na doimhne mòire, agus bha tuil-dhorsa (9) nan neamh air am fosgladh. 12 Agus bha’n t-uisg’ air an talamh dà fhichead là agus dà fhichead oidhche. 13 ’Sa’ cheart là sin féin (10) chaidh Noah, agus Sem, agus Ham, agus Iaphet, mic Noaih, agus bean Noaih, agus triuir bhan a mhac maille riu, a steach do’n àirc; 14 Iad féin, agus gach uile bheathach a réir a ghnè, agus an spréidh uile a réir an gnè, agus gach creutair a shnàigeas a ta snàigeadh air an talamh a réir a ghnè, agus an eunlaith uile a (1) boirionn. (2) air son bìdh, mar lòn. (3) Theirig thusa, gabh thusa. (4) ’san linn so. (5) ’nan càraidibh. (6) dubhaidh mi as. (7) dìlinn, tuil. (8) a lìon dithis agus dithis. (9) uinneaga. (10) Ann an corp an là sin féin. Eabh. [TD 15] GENESIS. CAIB. VIII. réir an gnè, gach eun do gach seòrta. 15 Agus chaidh (1) iad a steach a chum Noaih do’n àirc, a lìon dithis agus dithis, do gach uile fheoil, anns am bheil anail na beatha. 16 Agus iadsan a chaidh a steach, firionn agus bainionn chaidh iad a steach do gach uile fheoil, mar a dh’àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearna stigh e. 17 Agus bha ’n dìle dà fhichead là air an talamh, agus mheudaicheadh na h-uisgeachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i os cionn na talmhainn. 18 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan, agus mhèudaicheadh iad gu h-anbarrach air an talamh; agus shiubhail (2) an àirc air aghaidh nan uisgeacha. 19 Agus bhuadhaich na h-uisgeacha gu ro-anbarrach air an talamh; agus chòmhdaicheadh na beanntan àrda uile, a bha fuidh na neamhaibh gu léir. 20 Cùig làmh-choille deug air àirde bhuadhaich na h-uisgeachan; agus chòmhdaicheadh na beannta. 21 Agus dh’eug (3) gach uile fheoil a bha gluasad air an talamh, araon do eunlaith, agus do spréidh, agus do bheathaichibh, agus do gach ni a shnàigeas a ta snàigeadh air an talamh, agus gach uile dhuine. 22 Gach ni aig an robh anail na beatha ann an cuineinibh a shròine, do na h-uile a bha air an talamh thioram, dh’eug iad. 23 Agus sgriosadh gach uile dhùil a bha air aghaidh na talmhainn, araon duine agus ainmhidh (4), agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; agus sgriosadh iad bhàrr na talmhainn, agus dh’fhàgadh a mhàin Noah, agus na bha maille ris ’san àirc. 24 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan os cionn na talmhainn ceud agus leth-cheud là. CAIB. VIII. AGUS chuimhnich Dia air Noah, agus gach ni beo, agus gach uile spréidh a bha maille ris ’san àirc, agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h-uisgeacha. 2 Agus dhruideadh suas tobraiche na doimhne, agus tuil-dhorsa nan neamh; agus choisgeadh an t-uisge o na nèamhaibh (5). 3 Agus phill na h-uisgeachan a ghnà (6) bhàrr na talmhainn: agus thraogh na h-uisgeachan ’an déigh ceud agus leth-cheud là. 4 Agus stad an àirc anns an t-seachdamh mìos, air an t-seachdamh là deug do’n mhìos, air beanntaibh Ararait. 5 Agus thraogh na h-uisgeachan a ghnà gus an deicheamh mìos: Anns an deicheamh mìos, air a’cheud là do’n mhìos, chunncas mullaiche nam beann. 6 Agus ’an ceann dhà fhichead là, dh’fhosgail Noah uinneag na h-àirce a rinn e. 7 Agus chuir e mach fitheach, a chaidh mach a’ dol air ais agus (1) chuaidh. Eir. (2) dh’fhalbh, dh’imich. (3) bhàsaich. (4) eadar dhuine agus ainmhidh. (5) bha’n t-uisge o na nèamhaibh air a chosgadh. (6) gun stad, a’dol air ais agus air aghaidh. Eabh. [TD 16] GENESIS. CAIB. IX. air aghaidh, gus an do thiormaicheadh na h-uisgeacha bhàrr na talmhainn. 8 Mar an ceudna chuir e mach columan uaithe, a dh’fhaicinn (1) an do thraogh na h-uisgeacha bhàrr aghaidh na talmhainn. 9 Ach cha d’fhuair an columan fois do bhonn a choise, agus phill e d’a ionnsuidh do’n àirc, do bhri’ gu’n robh na h-uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile. ’An sin chuir e mach a làmh, agus rug e air, agus thug e stigh e d’a ionnsuidh do’n àirc. 10 Agus dh’fhan e fathast seachd lathan (2) eile, agus a rìs chuir e mach an columan o’n àirc. 11 Agus thàinig an columan d’a ionnsuidh ’san fheasgar, agus feuch, duilleag craoibh-ola, a spìonadh leis, aige ’na ghob: agus dh’aithnich Noah gu’n do thraogh na h-uisgeacha bhàrr na talmhainn. 12 Agus dh’fhan e fathast seachd lathan eile, agus chuir e mach an columan; agus cha do phill e rìs d’a ionnsuidh ni’s mò. 13 Agus anns an t-seathadh ceud bliadhna agus a h-aon, anns a’ cheud mhìos, anns a’ cheud là do’n mhìos, thiormaicheadh na h-uisgeacha suas bhàrr na talmhainn: agus bhuin Noah air falbh còmhdachadh na h-àirce, agus dh’amhairc e, agus feuch, bha aghaidh na talmhainn tioram. 14 Agus ’san dara mìos, ’san t-seachdamh là ’ar fhichead do’n mhìos, bha’n talamh air tiormachadh. 15 Agus labhair Dia re Noah, ag ràdh, 16 Rach a mach as an àirc, thu féin, agus do bhean, agus do mhic, agus mnài do mhac maille riut. 17 Thoir a mach leat gach ni beo a ta maille riut,do gach uile fheoil, do eunlaith, agus do spréidh, agus do gach uile ni a shnàigeas (3) a ta snàigeadh air an talamh, chum as gu’n sìolaich iad (4) air an talamh, agus gu’m bi iad torrach, agus gu’m fàs iad lìonmhor air an talamh. 18 Agus chaidh Noah amach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnài a mhac maille ris: 19 Chaidh gach uile bheathach, gach ni a shnàigeas, agus gach eun, gach ni ghluaiseas air an talamh, a réir an cineil (5), a mach as an àirc. 20 Agus thog Noah altair do’n Tighearna, agus ghabh e do gach ainmhidh glan, agus do gach eun glan, agus thug e suas (6) tabhartais-loisgte air an altair. 21 Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh (7); agus thubhairt an Tighearna ’na chridhe, Cha mhallaich mi rìs an talamh ni’s mò air son an duine; oir a ta smuainte cridhe (8) an duine olc o òige; ni mò sgriosas mi tuille gach ni beo, mar a rinn mi. 22 Am feadh a mhaireas an talamh (9), cha sguir àm an t-sìl-chur agus foghar, agus fuachd agus teas, agus samhradh agus geamhradh, agus là agus oidhche. CAIB. IX. AGUS bheannaich Dia Noah agus a mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaichibh, agus (1) dh’fhaicsinn. (2) lài, lathachan. (3) shnàgas. (4) gluais iad, snàig iad. (5) a réir an seòrtan. (6) dh’ofrail, thairg e. (7) bhol an Tighearna boladh cùbhraidh. (8) croidhe. Eir. (9) Rè uile lài na talmhainn. Eabh. [TD 17] GENESIS. CAIB. IX. fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh. 2 Agus bithidh bhur n-eagal agus bhur fiamh-sa air uile bheathaichibh na talmhainn, agus air uile eunlaith nan speur, air gach ni a ghluaiseas air an talamh, agus air uile iasgaibh na mara; d’ar làimh-sa tha iad air an tabhairt. 3 Bithidh gach ni gluasadach a ta beo, dhuibh mar bhiadh (1); amhuil mar an luibh ghorm thug mi dhuibh na h-uile nithe. 4 Ach feoil maille r’a h-anam (2), eadhon a fuil, cha’n ith sibh. 5 Agus gu deimhin fuil bhur n-anma-sa iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i, agus air làimh an duine; air làimh bràthar gach duine iarraidh mi anam an duine. 6 Ge b’e dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear fhuil-san; oir ann an dealbh (3) Dhé rinn e an duine. 7 Agus bithibh-sa sìolmhar, agus fàsaibh lìonmhor, ginibh air an talamh, agus fàsaibh lìonmhor ann. 8 Agus labhair Dia re Noah, agus r’a mhic maille ris, ag ràdh, 9 Agus mise, feuch, daingnichidh mi mo choi’-cheangal ribhse, agus r’ar sliochd ’nar déigh; 10 Agus ris gach uile chreutair beo a ta maille ribh, do eunlaith, do spréidh, agus do uile bheathaichibh na talmhainn maille ribh, o gach uile a ta dol a mach as an àirc, gu uile bheathaichibh na talmhainn. 11 Agus daingnichidh mi mo choi’-cheangal ribh, agus cha sgriosar gach uile fheoil tuille le h-uisgibh na dìle: agus cha bhi dìle ann ni’s mò a sgrios na talmhainn. 12 Agus thubhairt Dia, So comhar’ a’ choi’-cheangail a tha mi toirt eadar mise agus sibhse, agus gach creutair beo a ta maille ribh, feadh ghinealacha siorruidh (4): 13 Mo bhogha cuiridh mi (5) anns an neul, agus bithidh e ’na chomhara coi’-cheangail eadar mise agus an talamh. 14 Agus tarlaidh, ’nuair a bheir mi neul os cionn na talmhainn, gu’m faicear am bogha anns an neul. 15 Agus cuimhnichidh mi mo choi’-cheangal a ta eadar mise agus sibhse, agus gach creutair beo do’n uile fheoil; agus cha’n fhàs ni’s mò na h-uisgeacha’nan dìle a sgrios gach uile fheòla. 16 Agus bithidh am bogha anns an neul, agus amhaircidh mi air, chum as gu’n cuimhnich mi’n coi’-cheangal siorruidh eadar Dia agus gach creutair beo do’n uile fheoil, a ta air an talamh. 17 Agus thubhairt Dia re Noah, So comhar’ a’ choi’-cheangail, a dhaingnich mi eadar mi féin agus gach uile fheoil a ta air an talamh. 18 Agus b’iad mic Noaih a chaidh mach as an àirc, Sem, agus Ham, agus Iaphet: agus ’se Ham athair Chanaain. 19 Is iad sin triuir mhac Noaih: agus leo sin lìonadh an talamh uile. 20 Agus thòisich Noah air a bhi ’na fhear-saoithreach (6) na talmhainn, agus shuidhich e fìon-gharadh (7). 21 Agus dh’òl e do’n fhìon, (1) chum bìdh. (2) beatha. (3) ìomhaigh, coslas. (4) o linn gu linn. (5) chuir mi. Eabh. (6) threabhaiche. (7) fìon-lios. [TD 18] GENESIS. CAIB. X. agus bha e air mhisg (1), agus bha e lomnochd a stigh ’na bhùth. 22 Agus chunnaic Ham, athair Chanaain, nochd (2) athar, agus dh’innis e d’a dhà bhràthair a muigh. 23 Agus ghabh Sem, agus Iaphet brat, agus chuir iad le chéile air an guailnibh e, agus chaidh iad ’an comhair an cùil, agus chòmhdaich iad nochd an athar; agus bha’n aghaidhean air an ais, agus cha’n fhac’ iad nochd an athar. 24 Agus dhùisg Noah o fhìon, agus thuig e ciod a rinn a mhac a b’òige air. 25 Agus thubhairt e, Mallaichte gu’n robh Canaan; ’na sheirbhiseach nan seirbhiseach bithidh se d’a bhràithribh. 26 Agus thubhairt e, Beannaichte gu’n robh Tighearna Dia Sheim; agus bithidh Canaan ’na sheirbhiseach dha (3). 27 Ni Dia Iaphet farsaing (4), agus còmhnuichidh se ann am bùthaibh Sheim; agus bithidh Canaan ’na sheirbhiseach dha (5). 28 Agus bha Noah beo ’n déigh na dìle tri cheud agus leth-cheud bliadhna. 29 Agus b’iad lathacha Noaih uile naoi ceud agus leth-cheud bliadhna: agus fhuair e bàs. CAIB. X. A NIS is iad sin ginealaich mhac Noaih; Sem, Ham, agus Iaphet: agus rugadh dhoibh mic ’an déigh na dìle. 2 Mic Iapheit; Gomer, agus Magog, agus Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus Mesech, agus Tiras. 3 Agus mic Ghomeir; Ascenas, agus Riphat, agus Togarmah. 4. Agus mic Iabhain; Elisa, agus Tarsis, Cittim, agus Dodanim. 5 Leo sin roinneadh eileana nan cinneach ’nan tìribh féin, gach aon a réir a theangaidh, a réir an teaghlaichean, ’nan cinneachaibh (6). 6 Agus mic Ham; Cus, agus Misraim, agus Phut, agus Canaan. 7 Agus mic Chuis; Seba, agus Habhilah, agus Sabtah, agus Raamah, agus Sabtecha: agus mic Raamaih; Seba, agus Dedan. 8 Agus ghin Cus Nimrod: thòisich esan air a bhi cumhachdach ’san talamh. 9 Bha e ’na shealgair cumhachdach ’an làthair an Tighearna: Uime sin theirear, Amhuil mar Nimrod an sealgair cumhachdach ’an làthair an Tighearna. 10 Agus b’e toiseach a rìoghachd Babel, agus Erech, agus Acad, agus Calneh, ann an tìr Shinair. 11 As an tìr sin chaidh a mach Asur, agus thog e Ninebheh, agus baile Rehobot, agus Calah, 12 Agus Resen eadar Ninebheh agus Calah: is baile mòr sin. 13 Agus ghin Misraim Ludim, agus Anamim, agus Lehabim, agus Naphtuhim, 14. Agus Patrusim, agus Casluhim, (o ’n d’thàinig a mach Philistim) agus Caphtorim, 15 Agus ghin Canaan Sidon a cheud-ghin, agus Het, (1) mheisg. (2) lomnochduigh. (3) dhoibh. Eabh. (4) leudaichidh. (5) dhoibh. Eabh. (6) dùchannaibh. [TD 19] GENESIS. CAIB. XI. 16 Agus an Iebusach, agus an t-Amorach, agus an Girgasach. 17 Agus an t-Ibheach, agus an t-Harcach, agus an Sìneach, 18 Agus an t-Arbhadach, agus an Semarach, agus an t-Hamatach: agus ’na dhéigh sin sgaoileadh a mach teaghlaichean nan Canaanach. 19 Agus bha crìoch nan Canaanach o Shidon, mar a thig thu gu Gerar gu nuig Gadsa, mar a théid thu gu Sodom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim, gu nuig Lasa. 20 Is iad sin mic Ham, a réir an teaghlaichean, a réir an teanganna, ’nan tìribh, agus ’nan cinneachaibh. 21 Agus do Shem féin mar an ceudna, athair chloinn Ebeir uile, bràthair Iapheit bu shine, rugadh clann. 22 Clann Sheim; Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram. 23 Agus clann Araim; Uds, agus Hul, agus Geter, agus Mas. 24 Agus ghin Arphacsad Salah, agus ghin Salah Eber. 25 Agus do h-Eber rugadh dithis mhac: b’e ainm a h-aon diubh Peleg, oir ’na laithibh-san roinneadh an talamh; agus ainm a bhràthar, Ioctan. 26 Agus ghin Ioctan Almodad, agus Seleph, agus Hadsarmabhet, agus Ierah, 27 Agus Hadoram, agus Udsal, agus Diclah, 28 Agus Obal, agus Abimael, agus Seba, 29 Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab: b’iad sin uile mic Ioctain. 30 Agus bha’n àite-còmhnuidh o Mhesa, mar a théid thu gu Sephar, beinn ’san àird an ear. 31 Is iad sin mic Sheim, a réir an teaghlaichean, a réir an teanganna, ’nan tìribh, a réir an cinneacha. 32 Is iad sin teaghlaichean mhac Noaih, a réir an ginealacha, ’nan cinneachaibh: agus leo sin roinneadh na cinnich anns an talamh ’an déigh na dìle. CAIB. XI. AGUS bha’n talamh uile dh’aon teangaidh, agus na h-aon fhocail (1) aig gach neach. 2 Agus ’nuair a bha iad air an turus o’n àird an ear, fhuair iad còmhnard ann an talamh Shinair, agus ghabh iad còmhnuidh ’an sin. 3 Agus thubhairt iad gach aon re chéile, Thigibh, deanamaid clacha creadha (2), agus làn-loisgeamaid (3) iad: Agus bha chlach chreadha aca air son cloiche, agus bha làthach (4) aca air son moirteir (5). 4 Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn féin baile, agus tùr, aig am bi mhullach a’ ruigheachd gu nèamh (6), agus deanamaid dhuinn féin ainm, an t-eagal gu’n sgaoilear (7) o chéile sinn air aghaidh na talmhainn uile. 5 Agus thàinig an Tighearn a nuas a dh’fhaicinn a’ bhaile, agus an tùir, a thog clann nan daoine. 6 Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh (1) chainnt. (2) bricks. Sasg. (3) deagh-loisgeamaid. (4) làthach cosmhuil re pic, pic-thalmhainn. (5) ceangail. (6) aig am bi mhulach àrd anns an athar. (7) sgapar. [TD 20] GENESIS. CAIB. XI. a t’ann, agus aon teanga ac’uile; agus thòisich iad air so a dheanamh: agus a nis cha bhacar dhiubh ni air bith, a smuainich (1) iad a dheanamh. 7 Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt ann an sin thar a chéile (2), chum as nach tuig iad cainnt a chéile. 8 Mar sin sgaoil an Tighearn iad uaithe sin air aghaidh na talmhainn uile: agus sguir iad do thogail a’ bhaile. 9 Uime sin thugadh Babel mar ainm air, do bhrìgh ann an sin gu’n do chuir an Tighearna thar a’chéile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearn iad air aghaidh na talmhainn uile. 10 Is iad sin ginealaich Sheim: Bha Sem ceud bliadhna dh’aois, agus ghin e Arphacsad dà bhliadhna ’n déigh na dìle. 11 Agus bha Sem beo, ’an déigh dha Arphacsad a ghintinn, cùig ceud bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana. 12 Agus bha Arphacsad beo, cùig bliadhna deug ’ar fhichead (3), agus ghin e Salah. 13 Agus bha Arphacsad beo, ’an déigh dha Salah a ghintinn, ceithir cheud agus tri bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana. 14 Agus bha Salah beo deich bliadhna fichead, agus ghin e Eber. 15 Agus bha Salah beo ’an déigh dha Eber a ghintinn, ceithir cheud agus tri bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana. 16 Agus bha Eber beo ceithir bliadhna deug ’ar fhichead, agus ghin e Peleg. 17 Agus bha Eber beo, ’an déigh dha Peleg a ghintinn, ceithir cheud agus deich bliadhna fichead; agus ghin e mic agus nigheana. 18 Agus bha Peleg beo deich bliadhna fichead; agus ghin e Reu. 19 Agus bha Peleg beo ’an déigh dha Reu a ghintinn, dà cheud agus naoi bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana. 20 Agus bha Reu beo dà bhliadhna dheug ’ar fhichead; agus ghin e Serug. 21 Agus bha Reu beo ’an déigh dha Serug a ghintinn, dà cheud agus seachd bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana. 22 Agus bha Serug beo deich bliadhna fichead; agus ghin e Nahor. 23 Agus bha Serug beo ’an déigh dha Nahor a ghintinn, dà cheud bliadhna; agus ghin e mic agus nigheana. 24 Agus bha Nahor beo naoi bliadhna fichead; agus ghin e Terah. 25 Agus bha Nahor beo ’an déigh dha Terah a ghintinn, ceud agus naoi bliadhna deug, agus ghin e mic agus nigheana. 26 Agus bha Terah beo deich is tri fichead bliadhna; agus ghin e Abram, Nahor, agus Haran. 27 A nis is iad sin ginealaich Theraih: Ghin Terah Abram, Nahor, agus Haran; agus ghin Haran Lot. 28 Agus fhuair Haran bàs roimh Therah athair, ’san tìr anns an d’ rugadh e, ann an Ur nan Caldeanach. 29 Agus ghabh Abram agus Nahor mnài dhoibh féin: B’e (1) bheachdaich. (2) air aimh-reidh. (3) thar a fichead. [TD 21] GENESIS. CAIB. XII. ainm mnà Abraim, Sarai; agus ainm mnà Nahoir, Milcah, nighean Harain athar Mhilcaih, agus athar Iscaih. 30 Ach bha Sarai neo-thorrach (1); cha robh duine cloinne aice. 31 Agus ghabh Terah Abram a mhac, agus Lot mac Harain mac a mhic, agus Sarai a bhan-chliamhuinn, bean Abraim a mhic; agus chaidh iad a mach maille riu a h-Ur nan Caldeanach, gu dol do thìr Chanaain: agus thàinig iad gu Haran, agus ghabh iad còmhnuidh ann an sin. 32 Agus b’iad lathan Theraih dà cheud agus cùig bliadhna: agus fhuair Terah bàs ann an Haran. CAIB. XII. AGUS thubhairt an Tighearna re h-Abram, Rach (2) a mach a d’ dhùthaich, agus o d’ dhìslibh, agus a tigh t’athar, do’n tìr a nochdas (3) mise dhuit. 2 Agus ni mi thu a’d’ chinneach mòr (4), agus beannaichidh mi thu, agus ni mi t’ainm mòr: agus bithidh tu a’d’ bheannachadh. 3 Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas tu, agus iadsan a mhallaicheas tu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaiche na talmhainn. 4 Agus dh’imich Abram, mar a labhair an Tighearna ris, agus chaidh Lot maille ris: agus bha Abram cùig bliadhna deug is tri fichead a dh’aois ’nuair a chaidh e mach a Haran. 5 Agus ghabh Abram Sarai a bhean, agus Lot mac a bhràthar, agus am maoin uile a chruinnich iad (5), agus na h-anmanna fhuair iad ann an Haran, agus chaidh iad a mach gu dol do thìr Chanaain, agus thàinig iad do thìr Chanaain. 6 Agus chaidh Abram air aghaidh ’san fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard (6) Mhoreih. Agus bha’n Canaanach ’an sin ’san tìr. 7 Agus dh’fhoillsich an Tighearn e féin (7) do Abram, agus thubhairt e, Do d’ shliochd-sa bheir mise am fearann so: agus thog e ’n sin altair do’n Tighearn, a dh’fhoillsicheadh dha. 8 Agus chaidh e as sin gu sliabh air an taobh an ear do Bhetel, agus shuidhich e bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai air an taobh an ear: agus thog e ’n sin altair do’n Tighearn, agus ghairm e air ainm an Tighearna. 9 Agus dh’imich Abram, a’ sìr-dhol air aghaidh mu dheas (8). 10 Agus bha gorta ’san tìr: agus chaidh Abram sìos do’n Eiphit, gu bhi air chuairt ann an sin, do bhrìgh gu’n robh a’ ghorta mòr ’san tìr. 11 Agus ’nuair a bha e dlùth do dhol a stigh do’n Eiphit, thubhairt e re Sarai a bhean, Feuch a nis, tha fios agam gur bean mhaiseach (9) thusa re amharc ort: 12 Uime sin, ’nuair a chi na h-Eiphitich thu, their iad, So a bhean: agus marbhaidh iad mise, ach gleidhidh iad thusa beo. 13 Abair, guidheam ort, gur tu mo phiuthar, chum gu’n éirich (1) seasg; aimrid. Eir. (2) Imich, falbh. (3) dh’fheuchas. (4) ni mise fine mhòr dhìot. (5) chomhaich iad. (6) darag. Eabh. (7) thaisbean an Tighearn e féin; chuncas an Tighearna. Eabh. (8) fa dheas, ’san àirde deas. (9) sgiamhach. [TD 22] GENESIS. CAIB. XIII. gu math dhomh air do sgàth-sa; agus bithidh m’ anam beo air do shon-sa. 14 Agus ’nuair a thàinig Abram do’n Eiphit, chunnaic na h-Eiphitich a’ bhean, gu’n robh i ro-mhaiseach. 15 Chunnaic mar an ceudna ceannardan (1) Pharaoih i, agus mhol iad i do Pharaoh: agus thugadh a steach a’ bhean do thigh Pharaoih. 16 Agus bhuin e gu math re h-Abram air a sgàth-sa: agus bha aige caoraich, agus daimh, agus asail fhirionn, agus òglaich, agus ban-oglaich, agus asail bhainionn, agus càmhail. 17 Agus bhuail an Tighearna Pharaoh agus a thigh le plàighibh mòra, air son Sharai mnà Abraim. 18 Agus ghairm (2) Pharaoh air Abram, agus thubhairt e, Ciod so a rinn thu orm? c’ar son nach d’innis thu dhomh gu’m bi so do bhean? 19 C’ar son a thubhairt thu, ’Si mo phiuthar i? Mar sin dh’fheudainn a gabhail a’m’ ionnsuidh mar mhnaoi; a nis ma ta feuch do bhean, gabh i, agus bi ’g imeachd (3). 20 Agus thug Pharaoh àithne d’a dhaoinibh m’a thimchioll; agus chuir iad air falbh e féin, agus a bhean, agus gach ni a bh’aige. CAIB. XIII. AGUS chaidh Abram suas as an Eiphit, e féin, agus a bhean, agus gach ni a bh’aige, agus Lot maille ris, do’n taobh mu dheas. 2 Agus bha Abram ro-shaibhir (4) ann an spréidh, ann an airgiod, agus ann an òr. 3 Agus dh’imich e ’na thurusaibh o’n taobh mu dheas eadhon gu Betel, gu nuig an t-àite, anns an robh a bhùth ’an toiseach, eadar Betel agus Hai; 4 Gu àite na h-altarach a rinn e ’n sin air tùs: agus ghairm Abram ann an sin air ainm an Tighearna. 5 Agus bha mar an ceudna aig Lot, a dh’imich maille re h-Abram, caoraich, agus crobh, agus bùthan (5). 6 Agus cha robh am fearann comasach air an giùlan (6) gu còmhnuidh a ghabhail cuideachd; oir bha’m maoin mòr, agus cha b’urrainn (7) iad còmhnuidh ghabhail cuideachd (8). 7 Agus bha comh-stri’ eadar buachaillean (9) spréidh Abraim, agus buachaillean spréidh Lot: Agus bha ’n Canaanach agus am Periseach ’san àm sin a chòmhnuidh ’san tìr. 8 Agus thubhairt Abram re Lot, Na bitheadh, guidheam ort, comh-stri’ eadar mise agus thusa, agus eadar mo bhuachaillean agus do bhuachaillean-sa; oir is bràithre sinn. 9 Nach ’eil an tìr uile romhad? Dealaich, guidheam ort, riumsa: ma ghabhas tu dh’ionnsuidh na làimhe cli, ’an sin théid mise dh’ionnsuidh na làimhe deise; agus ma théid thu dh’ionnsuidh na làimhe deise, ’an sin gabhaidh mise dh’ionnsuidh na làimhe cli. 10 Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmh- (1) maithean, prionnsuidh. (2) ghoir, ghlaodh. (3) imich romhad. (4) ro-shaidhbhir, ro-bheartach. (5) bùithean. (6) an iomchar. (7) ionnas nach b’urradh. (8) san aon àite. (9) aodhairean. [TD 23] GENESIS. CAIB. XIV. nard Iordain uile, gu’n robh e gu léir air uisgeachadh gu math, mu’n do sgrios an Tighearna Sodom agus Gomorrah, eadhon mar ghàradh an Tighearna, cosmhuil re talamh na h-Eiphit, mar a thig thu gu Soar. 11 Agus thagh Lot dha féin còmhnard Iordain uile; agus ghabh Lot a thurus o’n àird an ear, agus dhealaich na càirdean re chéile (1). 12 Ghabh Abram còmhnuidh ann an tìr Chanaain, agus ghabh Lot còmhnuidh ’am bailtibh a’ chòmhnaird, agus shuidhich e bhùth aig Sodom. 13 Ach bha daoine Shodoim aingidh, agus ’nam peacaich am fianais an Tighearna gu ro-mhòr. 14. Agus thubhairt an Tighearna re h-Abram, ’an déigh do Lot dealachadh ris, Tog a nis suas do shùilean, agus amhairc o’n ait’ anns am bheil thu, gu tuath, agus gu deas, agus gus an aird an ear, agus an iar: 15 Oir am fearann uile a ta thu a’ faicinn, dhuitse bheir mi e, agus do d’ shliochd gu bràth. 16 Agus ni mise do shliochd-sa mar dhuslach na talmhainn; ionnas ma bhios e’n comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, ’an sin gu’n àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna. 17 Eirich, imich air feadh an fhearainn ’na fhad agus ’na leud, oir dhuitse bheir mi e. 18 Agus dh’atharaich Abram a bhùth, agus thàinig e, agus ghabh e còmhnuidh ann an còmhnard Mhamre (2), a tha ann an Hebron; agus thog e’n sin altair do’n Tighearna. CAIB. XIV. AGUS tharladh ann an laithibh Amrapheil righ Shinair, Arioich righ Elasair, Chedorlaomeir righ Elaim, agus Thidail righ nan cinneach (3); 2 Gu’n d’ rinn iad sin cogadh re Bera righ Shodoim, agus re Birsa righ Ghomorraih, Sinab righ Admaih, agus Semeber righ Sheboim, agus righ Bhela, eadhon Shoair. 3 Chaidh iad sin uil’ ann an co’-bhoinn re chéile ann an gleann Shidim, a tha nis ’na fhairge shalainn. 4 Dà bhliadhna dheug rinn iad seirbhis do Chedorlaomer, agus anns an treas bliadhna deug rinn iad ceannairc (4). 5 Agus anns a’ cheathramh bliadhna deug thàinig Cedorlaomer, agus na righrean a bha maille ris, agus bhuail iad na Rephaimich ann an Asterot Carnaim, agus na Susimich ann an Ham, agus na h-Emimich ann an Sabheh Ciriataim, 6 Agus na Horich ’nan sliabh Seir, gu nuig El-paran (5), a tha làimh ris an fhàsach. 7 Agus phill iad, agus thàinig iad gu Hen-mispat, eadhon Cades, agus bhuail iad dùthaich nan Amaleceach uile, agus mar an ceudna na h-Amoraich, a bha chòmhnuidh ann an Haseson Tamar. 8 Agus chaidh righ Shodoim a mach, agus righ Ghomorraih agus righ Admaih, agus righ (1) dhealaicheadh iad gach fear o bhràthair. Eabh. (2) aig daragaibh Mhamre. Eabh. (3) fineacha, dùchanna. (4) ar a mach. (5) còmhnard Pharain. [TD 24] GENESIS. CAIB. XIV. Sheboim, agus righ Bhela (eadhon Shoair, agus chuir iad cath (1) riu ann an gleann Shidim: 9 Re Cedorlaomer righ Elaim, agus re Tidal righ nan cinneach, agus re h-Armaphel righ Shinair, agus re h-Arioch righ Elasair; ceithir righridh re cùig. 10 Agus bha gleann Shidim làn do shlochdaibh làthaich (2); agus theich righ Shodoim, agus righ Ghomorraih, agus thuit iad ’an sin; agus iadsan a mhair (3), theich iad do’n t-sliabh. 11 Agus thug iad leo uile mhaoin Shodoim agus Ghomorraih, agus am biadh uile, agus dh’imich iad rompa. 12 Agus thug iad leo Lot, mac bràthar Abraim (a bha chòmhnuidh ann an Sodom) agus a mhaoin, agus dh’imich iad. 13 Agus thàinig a h-aon a chaidh as, agus dh’innis e do Abram an t-Eabhruidheach, a bha chòmhnuidh ann an còmhnard Mhamre an Amoraich, bràthar Escoil, agus bràthar Aneir: agus bha iad sin ann an co’-bhoinn re h-Abram. 14 Agus ’nuair a chual’ Abram gu’n do ghlacadh a bhràthair ’na phrìosanach, dh’armaich e sheirbhisich iunnsaichte (4), a rugadh ’na thigh féin, tri cheud agus ochd-deug; agus lean e iad gu Dan. 15 Agus roinn se e féin ’nan aghaidh san oidhche, e féin agus a sheirbhisich, agus bhuail e iad, agus lean e iad (5) gu Hoba, a ta air an làimh chli do Dhamascus. 16 Agus thug e air ais a’ mhaoin uile, agus mar an ceudna thug e air ais a bhràthair Lot, agus a mhaoin; agus mar an ceudna na mnài agus an sluagh. 17 Agus chaidh righ Shodoim a mach ’na choinneamh, ’an déigh dha pilltinn o mharbhadh Chedorlaomeir, agus nan righ a bha maille ris, aig gleann Shabheh, eadhon gleann an righ. 18 Agus thug Melchisedec righ Shaleim a mach aran agus fìon: agus b’esan sagart an Dé a’s ro-àirde. 19 Agus bheannaich se e, agus thubhairt e, Beannaichte gu’n robh Abram o’n Dia a’s ro-àirde, sealbhadair néimh agus na talmhainn. 20 Agus beannaichte gu’n robh an Dia a’s ro-àirde, a thug thairis do naimhde do d’ làimh. Agus thug e dha deachamh do gach ni. 21 Agus thubhairt righ Shodoim re h-Abram, Thoir dhomhsa na daoine (6), agus gabh a’ mhaoin dhuit féin. 22 Agus thubhairt Abram re righ Shodoim, Thog mi mo làmh suas ris an Tighearn, an Dia a’s ro-àirde, Sealbhadair néimh agus na talmhainn, 23 Nach gabh mi o shnàthainn eadhon gu h-éill bròige, agus nach gabh mi bheag a dh’aon ni a’s leatsa, chum as nach abair thu, Rinn mi Abram beartach? 24 Saor a mhàin o na dh’ith (7) na h-òganaich, agus o chuibhrionn (8) nan daoin’, a chaidh maille rium, Aner, Escol, agus Mamre; gabhadh iadsan an cuibhrionn (9). (1) blàr. (2) pic-thalmhainn. (3) iadsan a dh’fhàgadh. (4) fhòghlumta. (5) ruaig e, chaidh e’n tòir orra. (6) na h-anmanna. Eabh. (7) Ach a mhàin na dh’ith. (8) chuid. (9) an roinn fein. [TD 25] GENESIS. CAIB. XV. CAIB. XV. ’AN déigh nan nithe sin thàinig focal an Tighearna gu h-Abram ann an taisbeanadh (1), ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: Is mise do sgiath, agus do dhuais ro-mhòr. 2 Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhé, ciod a bheir thu dhomh, is mi ’g imeachd (2) gun chloinn, agus gur e Elieser so o Dhamascus fear-riaghlaidh (3) mo thighe? 3 Agus thubhairt Abram, Feuch, dhomhsa cha d’thug thu sliochd (4) air bith: agus feuch, ’s e neach a rugadh a’m’ thigh a’s oighre orm. 4. Agus feuch, thàinig focal an Tighearna d’a ionnsuidh, ag ràdh, Cha bhi e so ’na oighre ort; ach esan a thig a mach a t’ innibh (5) féin, bithidh se ’na oighre ort. 5 Agus thug e leis a mach e, agus thubhairt e, Amhairc a nis suas gu neamh, agus àireamh na reulta, ma’s urrainn thu’n àireamh: Agus thubhairt e ris, Mar so bithidh do shliochd. 6 Agus chreid e anns an Tighearna; agus mheas e sin dha mar ionracas (6). 7 Agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearn a thug a mach thusa a h-Ur nan Caldeanach, a thoirt dhuit an fhearainn so, chum a shealbhachadh mar oighre. 8 Agus thubhairt esan, A Thighearna Dhé, cia leis a bhios fios agam gu’n sealbhaich mi e? 9 Agus thubhairt e ris, Gabh dhomhsa agh thri bliadhna dh’aois, agus gabhar (7) thri bliadhna dh’aois, agus reithe thri bliadhna dh’aois, agus turtuir, agus columan òg. 10 Agus ghabh e dha féin iad sin uile, agus roinn e iad ’sa’ mheadhon, agus chuir e gach aon do na mìribh fa chomhair a leth-bhreac, ach cha do roinn e na h-eoin. 11 Agus ’nuair a thàinig an eunlaith a nuas air na cairbhibh (8), dh’fhuadaich Abram air falbh iad. 12 Agus ’nuair a bha ghrian a’ dol fuidh (9), thuit codal trom air Abram; agus feuch, thuit uamhann dorchadais mhòir air. 13 Agus thubhairt e re h-Abram, Biodh fios gu cinnteach agad, gu’m bi do shliochd ’nan coigrich ann an dùthaich nach leo féin; agus ni iad seirbhis doibh, agus buinidh iad gu cruaidh (10) riu ceithir cheud bliadhna. 14 Agus mar an ceudna air a’ chinneach sin d’an dean iad seirbhis, bheir mise breth: agus ’na dhéigh sin thig iad a mach le maoin mhòir. 15 Agus théid thusa dh’ionnsuidh t’aithreachan ’an sìth; adhlaicear (11) thu ’n deagh shean-aois. 16 Ach anns a’ cheathramh linn thig iad ’an so air an ais, oir cha’n ’eil aingidheachd nan Amorach fathast iomlan (12). 17 Agus ’nuair a bha ghrian air dol fuidh, bha dorchadas ann; agus feuch, àmhuinn (13) dheataich agus leus teine (14) a chaidh eadar na mìribh sin. (1) foillseachadh, sealladh. (2) siubhal. (3) stiùbhard. (4) sìol, gineal. (5) a d’ leasraich. (6) fhìreantachd. (7) gabhar bhainionn. (8) closaichibh. (9) dol fodha. (10) buinidh iad gu h-olc, sàraichidh, pianaidh. (11) tìodhlaicear. (12) fathast làn, air teachd fathast gu h-àird. (13) fuirnis. (14) lòchran loisgeach no teinteach. [TD 26] GENESIS. CAIB. XVI. 18 Air an là sin féin rinn an Tighearna coi’-cheangal re h-Abram, ag ràdh, Do d’ shliochd-sa thug mi am fearann so, o abhuinn na h-Eiphit, gu nuig an abhuinn mhòr, abhuinn Euphrates: 19 Na Cenich, agus na Cenidsich, agus na Cadmonaich, 20 Agus na Hitich, agus na Peridsich, agus na Rephaimich, 21 Agus na h-Amorich, agus na Canaanich, agus na Girgasaich, agus na Iebusaich. CAIB. XVI. A NIS cha d’rug Sarai bean Abraim clann da; agus bha ban-oglach Eiphiteach aice, d’am b’ainm Hagar. 2 Agus thubhairt Sarai re h-Abram, Feuch a nis, chum an Tighearna mi o chlann a bhreith: rach a steach, guidheam ort, a dh’ionnsuidh mo bhan-oglaich; theagamh (1) gu’m fuigh mi clann leatha-sa. Agus dh’éisd Abram re guth Sharai. 3 Agus ghabh Sarai bean Abraim, Hagar a’ bhan-Eiphiteach, a ban-oglach féin, ’an déigh do Abram còmhnuidh ghabhail deich bliadhn’ ann an tìr Chanaain, agus thug si i d’a fear Abram, gu bhi aige mar mhnaoi. 4 Agus chaidh esan a steach gu Hagar, agus dh’fhàs i torrach: agus ’nuair a chunnaic i gu’n d’fhàs i torrach, bha a ban-mhaighstir tàireil ’na sùilibh: 5 Agus thubhairt Sarai re h-Abram, Biodh m’ea-coir ortsa: thug mi mo bhan-oglach do d’ uchd (2); agus ’nuair a chunnaic i gu’n d’fhàs i torrach, bha mise tàireil ’na sùilibh: Gu’n d’ thugadh an Tighearna breth eadar mis’ agus thusa. 6 Ach thubhairt Abram re Sarai, Feuch, a ta do bhan-oglach a’ d’ làimh féin, dean ria mar is àill leat (3). Agus an uair a bhuin Sarai gu cruaidh ria, theich i o gnùis. 7 Agus fhuair aingeal an Tighearn i làimh re tobar uisge ’san fhàsach, làimh ris an tobar ’san t-slighe gu Sur. 8 Agus thubhairt e, A Hagair, a bhan-oglaich Sharai, cia as a thàinig thu, agus c’àite tha thu dol? Agus thubhairt ise, Tha mi teicheadh o ghnùis Sharai mo bhan-mhaighstir. 9 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ria, Pill a dh’ionnsuidh do bhan-mhaighstir, agus ùmhlaich thu féin f’a làimh. 10 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ria, Meudaichidh mise gu mòr do shliochd, agus cha’n àirmhear e thaobh lìonmhoireachd. 11 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ria, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air, do bhrì’ gu’n d’éisd an Tighearna re t’an-shocair (4). 12 Agus bithidh e ’na dhuine fiadhaich; bithidh a làmh ’an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine ’na aghaidh-san: agus am fianais a bhràithrean uile gabhaidh se còmhnuidh. 13 Agus ghoir i ainm an Tighearn a labhair ria, Thusa Dhe a ta ’g am fhaicinn; oir thubhairt i, An e gu’n robh agams’ (1) feudaidh e bhi. (2) asgail. (3) mar is math leat, mar a chìthear dhuit. (4) re d’ thriobloid. [TD 27] GENESIS. CAIB. XVII. ann an so mar an ceudna sùil ris an Ti sin a ta ’gam fhaicinn? 14. Uime sin ghoir i do’n tobar, Beer-la-hai-roi; feuch, a ta e eadar Cades agus Bered. 15 Agus rug Hàgar mac do Abram: agus thug Abram Ismael mar ainm air a mhac, a rug Hagar. 16 Agus bha Abram ceithir fichead agus sè bliadhna dh’aois, ’nuair a rug Hagar Ismael do Abram. CAIB. XVII. AGUS ’nuair a bha Abram ceithir fichead agus naoi bliadhna deug a dh’aois; dh’fhoillsich an Tighearn e féin da, agus thubhairt e ris, Is mise ’n Dia uile-chumhachdach; gluais thusa a’m’ fhianais, agus bi iomlan (1). 2 Agus ni mi mo choi’-cheangal eadar mise agus thusa, agus meudaichidh mi thu gu h-anbarrach. 3 Agus thuit Abram air eudan (2); agus labhair an Tighearna ris, ag ràdh, 4 Do m’ thaobh-sa (3), feuch, a ta mo choi’-cheangal riut-sa, agus bithidh tu a’t’ athair mhòrain chinneach (4): 5 Agus ni’n toirear a so a mach Abram mar ainm ort, ach bithidh Abraham agad mar ainm; oir rinn mi thu a’ t’ athair mhòrain chinneach. 6 Agus ni mi thu ro-shìolmhar, agus ni mi dhìot cinnich, agus thig righrean a mach asad. 7 Agus daingnichidh mi mo choi’-cheangal eadar mis’ agus thusa, agus do shliochd a’d’ dhéigh, ’nan ginealachaibh, mar choi’-cheangal siorruidh, gu bhi m’ Dhia dhuitse, agus do d’ shliochd a’d’ dhéigh. 8 Agus bheir mi dhuitse, agus do d’ shliochd a’d’ dhéigh, am fearann anns am bheil thu a’d’ choigreach (5), tìr Chanaain uile, mar sheilbh shiorruidh; agus bithidh mise a’m’ Dhia dhoibh. 9 Agus thubhairt Dia re h-Abraham, Coimhididh tu uime sin mo choi’-cheangal, thu féin, agus do shliochd a’d’ dhéigh, ’nan ginealachaibh. 10 So mo choi’-cheangal a choimheadas (6) sibh eadar mise agus sibhse, agus do shliochd a’d’ dhéigh; Gu’n timchioll-ghearrar gach leanabh mic ’nar measg. 11 Agus timchioll-ghearraidh sibh feoil bhur roimh-chroicinn (7), agus bithidh e ’na chomhar’ a’ choi’-cheangail eadar mise agus sibhse. 12 Agus am mac ’nar measg a bhios ochd lathan a dh’ aois, timchioll-ghearrar e, gach leanabh mic ’nar ginealachaibh, esan a bheirear ’san tigh, no cheannchar le h-airgiod o choigreach air bith, nach ’eil do d’shliochd-sa. 13 Timchioll-ghearrar gu cinnteach esan a bheirear a’d’ thigh, agus esan a cheannchar le t’airgiod: agus bithidh mo choi’-cheangal ’nar feoil-sa mar choi’-cheangal siorruidh. 14. Agus an leanabh mic neo-thimchioll-ghearrta, aig nach timchioll-ghearrar feoil a roimh-chroicinn, gearrar an t-anam (1) foirfe, diongmhalta. (2) aodainn; aghaidh. (3) air mo shon-sa. (4) fhineacha. (5) fearann do chuairt. (6) ghleidheas. (7) roi’-chraicinn. [TD 28] GENESIS. CAIB. XVIII. sin a mach o shluagh: bhris e mo choi’-cheangal. 15 Agus thubhairt Dia re h-Abraham, A thaobh Sharai do mhnà, cha toir thu Sarai mar ainm oirre (1), oir is e Sarah a h-ainm. 16 Agus beannaichidh mis’ i, agus bheir mi dhuit mar an ceudna mac uaithe (2): seadh, beannaichidh mi i, agus bithidh i ’na màthair chinneach; thig (3) righrean phoibleach (4) uaithe. 17 ’An sin thuit Abraham air aghaidh, agus rinn e gàire; agus thubhairt e ’na chridhe, Am beirear mac dha-san a ta ceud bliadhna dh’aois? Agus am beir Sarah, a ta deich agus ceithir fichead bliadhna dh’aois, mac? 18 Agus thubhairt Abraham re Dia, O gu maireadh Ismael beo a’t’ fhianais! 19 Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sarah mac dhuit; agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choi’-cheangal ris mar choi’-cheangal siorruidh, agus r’a shliochd ’na dhéigh. 20 Agus a thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus ni mi sìolmhar e, agus cuiridh mi ’n lìonmhoireachd e gu h-anbarrach. Dà cheannard deug ginidh se, agus ni mi e ’na chinneach mòr. 21 Ach mo choi’-cheangal daingnichidh mi re h-Isaac, a bheireas Sàrah dhuit ’san àm so anns an ath bhliadhna. 22 Agus sguir e bhi labhairt ris (5); agus chaidh Dia suas o Abraham. 23 Agus ghabh Abraham Ismael a mhac, agus iadsan uile a rugadh ’na thigh, agus iadsan uile a cheannchadh le airgiod-san, gach firionnach a’ measg dhaoine tighe Abrahaim; agus thimchioll-ghearr e feoil an roimh-chroicinn anns a’ cheart là sin féin, mar a thubhairt Dia ris. 24 Agus bha Abraham ceithir fichead agus naoi bliadhna deug a dh’ aois, ’nuair a thimchioll-ghearradh dha feoil a roimh-chroicinn. 25 Agus bha Ismael a mhac tri bliadhna deug a dh’aois, ’nuair a thimchioll-ghearradh dha feoil a roimh-chroicinn. 26 Anns a’ cheart là sin féin thimchioll-ghearradh Abraham, agus Ismael a mhac. 27 Agus thimchioll-ghearradh maille ris uile dhaoin’ a thighe, a rugadh ’na thigh, agus iadsan a cheannchadh le h-airgiod o mhac coigrich (6). CAIB. XVIII. AGUS dh’fhoillsich an Tighearn e féin da ann an còmhnard Mhamre (7), agus e ’na shuidhe ’an dorus a’ bhùtha ann an teas an là. 2 Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus feuch, bha triuir dhaoin’ a’ seasamh làimh ris; agus ’nuair a chunnaic e iad, ruidh e ’nan coinneamh o dhorus a’ bhùtha, agus chrom se e féin gu làr. 3 Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma fhuair mi nis deagh-ghean a’d’ shùilibh (8), gui- (1) orra; uirre Eir. (2) uaipe. (3) bithidh. (4) shlògh. (5) bhi cainnt ris, còmhradh ris. (6) o choigreach. (7) aig daragaibh Mhamre. (8) a’t’ fhianais. [TD 29] GENESIS. CAIB. XVIII. dheam ort, na rach seachad air do sheirbhiseach. 4 Thugar ’an so, guidheam oirbh, beagan uisge, agus ionnailibh (1) bhur casan (2), agus leigibh bhur n-anail fuidh ’n chraoibh. 5 Agus bheir mise ’n so greim arain, agus neartaichibh bhur cridhe; ’an déigh sin imichidh sibh romhaibh, oir is ann uime sin a thàinig sibh a dh’ionnsuidh bhur seirbhisich. Agus thubhairt iadsan, Dean eadhon mar a thubhairt thu. 6 Agus ghreas Abraham (3) do’n bhùth a dh’ionnsuidh Sharaih, agus thubhairt e, Dean cabhag (4), taoisinn (5) tri miosairean do mhìn phlùr, agus dean arain (6) air leachd an teinteinn (7). 7 Agus ruidh Abraham a dh’ionnsuidh a’ chruidh (8), agus ghabh e laogh maoth agus math, agus thug e dh’òganach e, agus rinn e deifir (9) g’a dheasachadh. 8 Agus ghabh e im agus bainne, agus an laogh a dheasaich e, agus chuir e air am beulaobh iad; agus sheas e làimh riu fuidh ’n chraoibh, agus dh’ith iad. 9 Agus thubhairt iad ris, C’àit’ am bheil Sarah do bhean? Agus thubhairt esan, Feuch, anns a’ bhùth. 10 Agus thubhairt e, Gu cinnteach pillidh mi t’ionnsuidh a réir àm (10) na beatha; agus feuch, bithidh mac aig Sarah do bhean. Agus chuala Sarah sin ann an dorus a’ bhùtha, a bha air a chùl. 11 A nis bha Abraham agus Sarah sean, agus air dol air an aghaidh gu math ann an aois: agus sguir Sarah a bhi réir dòigh nam ban. 12 Uime sin rinn Sàrah gàire innte féin, ag ràdh, ’An déigh dhomhsa fàs aosda, am bi subhachas (11) agam, agus gu bheil mo thighearna aosda mar an ceudna? 13 Agus thubhairt an Tighearna re h-Abraham, C’ar son a rinn Sarah gàire, ag ràdh, ’N e gu’m beir mise gu cinnteach leanabh, agus mi aosmhar? 14 Am bheil ni air bith do-dheanta (12) do’n Tighearna? ’San àm shuidhichte pillidh mi a’t’ ionnsuidh, a réir àm na beatha, agus bithidh mac aig Sarah. 15 ’An sin dh’àicheun (13) Sarah, ag ràdh, Cha d’ rinn mi gàire: oir bha eagal oirre. Agus thubhairt esan, Ni h-eadh, oir rinn thu gàire. 16 Agus dh’éirich na daoin’ as sin, agus dh’amhairc iad rathad Shodoim (14): agus chaidh Abraham maille riu g’an cur air an t-slighe (15). 17 Agus thubhairt an Tighearna, An ceil mi air Abraham an ni sin a ta mi gus a dheanamh; 18 Agus gu’m fàs Abraham gu cinnteach ’na chinneach mòr agus cumhachdach, agus gu’m beannaichear annsan uile chinnich na talmhainn? 19 Oir is aithne dhomh e, gu’n d’thoir e (16) àithne d’a chloinn, agus d’a theaghlach ’na dhéigh, agus gleidhidh iadsan slighe an (1) nighibh. (2) cosa. (3) rinn Abraham cabhag. (4) deifrich. (5) fuin. (6) breacagan. (7) leachd an teallaich. (8) do’n bhuar. (9) cabhag. (10) aimsir. (11) toil-inntinn. (12) cruaidh. (13) dh’àicheadh, dh’ob; sheun. Eir. (14) gu Sodom. (15) a thoirt coimhideachd dhoibh. (16) gu’n toir. [TD 30] GENESIS. CAIB. XVIII. Tighearna, a’ deanamh (1) ceartais agus breitheanais; chum as gu’n d’thoir an Tighearn air Abraham an ni sin a labhair e m’a thimchioll. 20 Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrì’ gu bheil glaodh Shodoim agus Ghomorraih mòr, agus do bhrì’ gu bheil am peacadh air an-tromachadh gu h-anbarrach (2); 21 Théid mi sìos a nis, agus chi mi ma rinn iad gu léir (3) a réir a’ ghlaoidh, a thàinig a’m’ ionnsuidh; agus mar do rinn, bithidh fios agam. 22 Agus thionndaidh na daoin’ an aghaidh as sin, agus ghabh iad an t-slighe gu Sodom: ach sheas Abraham fathast ’an làthair an Tighearna. 23 Agus thàinig Abraham am fagus (4), agus thubhairt e, An sgrios thusa mar an ceudna an t-ionracan (5) maille ris an aingidh (6)? 24 Ma’s e’s gu bheil leth-cheud ionracan ’an taobh a stigh do’n bhaile, an sgrios thu mar an ceudna, agus nach caomhain thu’n t-àit’ air son an leth-cheud ionracan a ta ann. 25 Gu ma fada robh e uats’ a dheanamh air an dòigh so, an t-ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh, ionnas gu’m bi ’n t-ionracan mar an t-aingidh: Gu ma fada robh sin uatsa. Nach dean Breitheamh na talmhainn uile ceartas? 26 Agus thubhairt an Tighearna, Ma gheibh mi ann an Sodom leth-cheud ionracan ’an taobh a stigh do’n bhaile, ’an sin caomhnaidh mi ’n t-àit’ uile air an sgàth-san (7). 27 Agus fhreagair Abraham, agus thubhairt e, Feuch a nis, ghabh mi orm féin labhairt re m’ Thighearna (8), agus gun annam ach duslach agus luaithre (9). 28 Ma’s e’s gu’m bi cùigear (10) a dh’uireasbhuidh air an leth-cheud ionracan, an sgrios thu’m baile uile air son easbhuidh (11) chùigir? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e, ma gheibh mi’n sin cùig (12) agus dà fhichead. 29 Agus labhair e ris a rìs, agus thubhairt e, Ma’s e ’s gu’m faighear (13) ’an sin dà fhichead? Agus thubhairt e, Cha dean mi e air sgàth dhà fhichead. 30 Agus thubhairt e ris, Oh! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi: Ma’s e ’s gu’m faighear ann an sin deich ’ar fhichead? Agus thubhairt e, Cha dean mi e, ma gheibh mi ’n sin deich ’ar fhichead. 31 Agus thubhairt e, Feuch a nis, ghabh mi orm féin labhairt re m’ Thighearna: Ma’s e ’s gu’m faighear fichead ’an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air son fhichead. 32 Agus thubhairt e, Oh! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi mhàin an aon uair so: Ma’s e ’s gu’m faighear deichnear ’an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air sgàth dheichnear. 33 Agus dh’imich an Tighearna roimhe, ’nuair a sguir e do labhairt re h-Abraham: (1) a dheanamh. (2) gu mòr. (3) d’a rìreadh. (4) am fogus. (5) am firean. (6) maille ris a’chiontach. (7) air an son-san. (8) ris an Tighearna. (9) luath. (10) cùignear, còignear. (11) dìth. (12) còig. (13) fuighear. [TD 31] GENESIS. CAIB. XIX. agus phill Abraham g’a àite féin. CAIB. XIX. AGUS thàinig dà aingeal do Shodom ’san fheasgar, agus bha Lot ’na shuidhe ann an geata Shodoim: agus ’nuair a chunnaic Lot iad, dh’éirich e suas ’nan coinneamh, agus chrom se e féin air aghaidh gu làr (1). 2 Agus thubhairt e, Feuch a nis, mo thighearnan, tionndadhaibh a steach (2), guidheam oirbh, do thigh bhur seirbhisich, agus fanaibh rè na h-oidhche, agus ionnailibh bhur casan, agus éiridh sibh gu moch, agus théid sibh air bhur turus (3). Agus thubhairt iad, Ni h-eadh, ach fanaidh sinn air an t-sràid rè na h-oidhche. 3 Agus choi’-éignich e iad, agus thionndaidh iad d’a ionnsuidh, agus chaidh iad a steach d’a thigh: agus rinn e cuirm (4) dhoibh, agus dheasaich e aran neo-ghoirtichte (5), agus dh’ ith iad. 4 Ach mu’n deachaidh iad a luidhe, chuairtich (6) daoine a’ bhaile an tigh, eadhon daoine Shodoim, araon sean agus òg, an sluagh uile o gach cearna. 5 Agus ghairm iad air Lot, agus thubhairt iad ris, C’àit’ am bheil na daoin’ a thàinig a’t’ ionnsuidh an nochd? Thoir a mach iad d’ar n-ionnsuidh, chum as gu’n aithnich sinn iad. 6 Agus chaidh Lot a mach d’an ionnsuidh air an dorus, agus dhruid e ’n dorus ’na dhéigh, 7 Agus thubhairt e, Na deanaibh, guidheam oirbh, mo bhràithre, gnìomh cho olc. 8 Feuch a nis, tha agam dithis nigheana do nach b’aithne fear; leigibh leam, guidheam oirbh, an toirt a mach d’ar n-ionnsuidh, agus deanaibh riu mar is àill leibh (7): a mhàin air na daoinibh so na deanaibh a’ bheag, oir is ann a chum na crìche so a thàinig iad fuidh sgàile mo thighe-se. 9 Agus thubhairt iadsan, Seas air t’ais. Agus thubhairt iad a rìs, Thàinig am fear so ’na aonar air chuairt, agus is àill leis a bhi ’na bhreitheamh: A nis buinidh sinne riutsa ni’s miosa na riu-san. Agus rinn iad éigin (8) mhòr air an duine, eadhon air Lot, agus thàinig iad am fagus a bhriseadh an doruis. 10 Ach chuir na daoin’ a mach an làmh, agus thug iad Lot a steach d’an ionnsuidh do’n tigh, agus dhùin (9) iad an dorus. 11 Agus bhuail iad na daoin’, a bha aig dorus an tighe, le doille, eadar bheag agus mhòr (10); ionnas (11) gu’n do sgìthich iad iad féin ag iarraidh an doruis. 12 Agus thubhairt na daoine re Lot, Co tuilleadh a th’agad ’an so? Do chliamhuin, agus do mhic, agus do nigheana, agus ge b’e ni a ta agad ’sa’ bhaile, thoir a mach iad as an àite so: 13 Oir tha sinne gus an t-àite so a sgrios, do bhrì’ gu bheil an glaodh air fàs mòr ’an làthair an Tighearna; agus chuir an Tighearna sinne g’a sgrios (12). 14 Agus chaidh Lot a mach, agus labhair e r’a chleamhnaibh, (1) le aghaidh ris an làr. (2) teannaibh a steach. (3) slighe. Eabh. (4) cuilm, féisd. (5) neo-gheuraichte, gun bheirm, gun laibhin. (6) dh’iadh. (7) mar is math leibh. (8) spairn. (9) dhruid. (10) o’n bheag gus a’mhòr. Eabh. (11) air chor agus. (12) g’an sgrios. [TD 32] GENESIS. CAIB. XIX. a phòs a nigheanan (1), agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a mach as an àite so, oir tha’n Tighearna gus am baile so a sgrios: Ach bha e mar neach a bha re fanoid ann an sùilibh a chleamhna. 15 Agus ’nuair a dh’éirich a’ mhadainn, ann an sin ghreas na h-aingil Lot, ag ràdh, Eirich, gabh do bhean, agus do dhithis nighean a ta’n so, an t-eagal gu’n sgriosar thu ann an aingidheachd a’ bhaile. 16 Agus, ’nuair a bha e deanamh moille, ’an sin rug na daoin’ air làimh air, agus air làimh air a mhnaoi, agus air làimh air a dhithis nighean; air do’n Tighearna bhi tròcaireach dha: agus thug iad a mach e, agus chuir iad e ’n taobh a muigh do’n bhaile. 17 Agus ’nuair a thug iad a mach iad, thubhairt e, Teich air son t’anma; na seall a’d’ dhéigh, agus na stad ’sa’ chòmnard uile (2): teich do’n t-sliabh, an t-eagal gu millear thu. 18 Agus thubhairt Lot riu, Oh! ni h-ann mar sin, mo thighearna. 19 Feuch a nis, fhuair do sheirbhiseach deagh-ghean a’d’ shùilibh, agus mheudaich thu do thròcair, a nochd thu dhomhsa le m’anam a theasairginn: agus cha’n urrainn mise dol as do’n t-sliabh, an t-eagal gu’n d’thig (3) olc éigin orm, agus gu’m faigh mi bàs. 20 Feuch a nis, tha ’m baile ud am fagus gu teicheadh d’a ionnsuidh, agus e beag: leigear dhomh a nis teicheadh ’an sud, (nach beag e?) agus bithidh m’anam beo. 21 Agus thubhairt e ris, Feuch, ghabh mi re t’athchuinge ’san ni so mar an ceudna, nach sgrios mi’m baile so, mu’n do labhair thu. 22 Greas ort, teich ’an sud, oir cha ’n urrainn mi ni air bith a dheanamh gus an d’théid thu’n sud: uime sin thugadh Soar mar ainm air a’ bhaile. 23 Bha ghrian air éirigh air an talamh, ’nuair a chaidh Lot a steach do Shoar. 24 ’An sin thug an Tighearn air pronnasc agus teine frasadh air Sodom agus air Gomorrah a nuas o’n Tighearna as na néamhan. 25 Agus sgrios e na bailte sin, agus an còmhnard uile, agus uile luchd-àiteachaidh nam bailtean, agus na dh’fhàs air an talamh. 26 Ach sheall a bhean ’na déigh o chùlaobh, agus dh’fhàs i ’na carradh (4) salainn. 27 Agus chaidh Abraham suas moch ’sa’ mhadainn do’n àite anns an do sheas e ’n làthair an Tighearna. 28 Agus sheall e air Sodom agus Gomorrah, agus air fearann a’chòmhnaird uile (5), agus chunnaic e, agus feuch, chaidh deatach na tìre suas mar dheatach àmhainn (6). 29 Agus ’nuair a sgrios Dia bailtean a’ chòmhnaird, ’an sin chuimhnich Dia air Abraham, agus chuir e mach Lot a meadon an léir-sgrios, ’nuair a sgrios e na bailtean anns an robh Lot ’na chòmhnuidh. (1) a ghabh a nigheana. (2) na fan ’sa’ chònard idir. (3) gu’m beir. (4) pillar. sasg. (5) air aghaidh Shodoim agus Ghomorraih, agus air aghaidh fearainn a’ chònaird uile. (6) fuirnis. [TD 33] GENESIS. CAIB. XX. 30 Agus chaidh Lot suas a Soar, agus ghabh e còmhnuidh ’san t-sliabh, agus a dhithis nighean maille ris; oir bha eagal air còmhnuidh ghabhail ann an Soar: agus ghabh e còmhnuidh ann an uaimh, e féin agus a dhithis nighean. 31 Agus thubhairt an té bu shine ris an té a b’ òige, Tha ar n-athair sean, agus cha ’n ’eil fear air an talamh gu teachd a steach d’ar n-ionnsuidh a réir gnàtha (1) na talmhainn uile. 32 Thig, thugamaid air ar n-athair fìon òl, agus luidheamaid maille ris, chum as gu’n gléidh sinn sliochd (2) o ar n-athair. 33 Agus thug iad air an athair fìon òl air an oidhche sin: agus chaidh an té bu shine steach, agus luidh (3) i maille r’a h-athair; agus cha do mhothaich e ’nuair a luidh i sìos, no ’nuair a dh’éirich i. 34 Agus air an la-màireach (4) thubhairt an té bu shine ris an té a b’òige, Feuch, luidh mise ’n reidhr (5) maille re m’ athair; thugamaid air fìon òl an nochd mar an ceudna, agus rach-sa steach, agus luidh maille ris, chum as gu’n gléidh sinn sliochd o ar n-athair. 35 Agus thug iad air an athair fìon òl air an oidhche sin mar an ceudna: agus dh’éirich an té b’òige, agus luidh i maille ris, agus cha do mhothaich e ’nuair a luidh i sìos, no ’nuair a dh’éirich i. 36 Mar so bha dithis nighean Lot torrach aig an athair. 37 Agus rug an té bu shine mac, agus thug i Moab mar ainm air: ’s esan athair nam Moabach gus an là’n diugh. 38 Agus an té b’òige, rug ise mar an ceudna mac, agus thug i Ben-ammi mar ainm air: ’s esan athair chloinn Ammoin gus an là’n diugh. CAIB. XX. AGUS dh’imich Abraham as sin do’n tìr mu dheas, agus ghabh e còmhnuidh eadar Cades agus Sur; agus bha e air chuairt ann an Gerar. 2 Agus thubhairt Abraham mu Sharah a bhean, ’Si mo phiuthar i: Agus chuir Abimelech righ Gherair teachdaire uaithe, agus ghabh e Sarah. 3 Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling (6) ’san oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu air son na mnà a ghabh thu; oir is bean duin’ eil’ i. 4 Ach cha d’thàinig Abimelech am fagus di (7), agus thubhairt e, A thighearna, am marbh thu mar an ceudna cinneach ionruic? 5 Nach d’thubhairt esan riumsa, ’Si mo phiuthar i? agus thubhairt ise, eadhon ise féin, ’Se mo bhràthair e: ann an treibhdireas mo chridhe, agus ann an neo-chionta mo làmh rinn mi so. 6 Agus thubhairt Dia ris ann an aisling, Seadh, tha fios agam gur ann an treibhdhireas do chridhe a rinn thu so, agus chum mise mar an ceudna thu o pheacachadh a’m’ aghaidh: uime sin cha do leig mi leat beantainn ria. (1) cleachda, cor, modh. (2) sìol. (3) laidh. (4) air a’ mhàireach. (5) an reir, an raoir. (6) bruadar. (7) ’na còir. [TD 34] GENESIS. CAIB. XXI. 7 A nis ma’ta thoir air a h-ais (1) do’n duine a bhean, oir is fàidh e, agus ni e ùrnuigh air do shon, agus bithidh tu beo: ach mur d’thoir thu air a h-ais i, biodh fios agad gu’m faigh thu bàs gu cinnteach, thu féin agus gach uile a’s leat. 8 Uime sin dh’éirich Abimelech moch ’sa’ mhadainn, agus ghairm e a sheirbhisich uile, agus dh’aithris (2) e na nithe sin uile ’nan éisdeachd; agus bha eagal mòr air na daoine (3). 9 ’An sin ghairm Abimelech air Abraham, agus thubhairt e ris, Ciod so a rinn thu oirn? agus ciod an eucoir (4) a rinn mis’ ort, gu’n d’thug thu ormsa, agus air mo rìoghachd peacadh mòr? rinn thu gnìomharan ormsa, nach bu chòir a dheanamh. 10 Agus thubhairt Abimelech re h-Abraham, Ciod a chunnaic thu, gu’n d’rinn thu an ni so? 11 Agus thubhairt Abraham, A chionn gu’n d’thubhairt mi (5) annam féin, Gu cinnteach cha ’n’eil eagal an Tighearna ’san ionad so; agus marbhaidh iad mi air son mo mhnà. 12 Agus gidheadh ’si gu deimhin mo phiuthar i, nighean m’athar i, ach cha’n i nighean mo mhàthar: agus bha i agam mar mhnaoi. 13 Agus ’nuair a thug Dia orm dol air m’aineol (6) o thigh m’athar, ’an sin thubhairt mi ria (7), ’Se so do chaoimhneas a nochdas tu dhomhsa; Anns gach àite d’an d’thig (8) sinn, abair mu m’ thimchioll, ’Se mo bhràthair e. 14 Agus ghabh Abimelech caoraich, agus buar (9), agus òglaich agus ban-oglaich (10), agus thug e iad a dh’Abraham, agus thug e air a h-ais dha Sarah a bhean. 15 Agus thubhairt Abimelech, Feuch, tha m’fhearann fa d’ chomhair: gabh còmhnuidh far an taitneach leat. 16 Agus re Sarah thubhairt e, Feuch, thug mi mìle bonn airgid do d’ bhràthair: feuch, tha e dhuitse (11) ’na chòmhdachadh sùl do gach uile a ta maille riut, agus maille ris gach uile: mar so fhuair i achmhasan (12). 17 Agus rinn Abraham ùrnuigh re Dia; agus leighis Dia Abimelech, agus a bhean, agus a bhan-oglaich, agus rug iad clann. 18 Oir dhruid (13) an Tighearna suas gach bolg ann an teaghlach Abimeleich, air son Sharaih mnà Abrahaim. CAIB. XXI. AGUS dh’amhairc an Tighearn air Sarah (14) mar a thubhairt e; agus rinn an Tighearna do Sharah mar a labhair e. 2 Oir dh’fhàs Sarah torrach, agus rug i mac do Abraham ’na shean aois, ’san àm shuidhichte mu’n do labhair Dia ris. 3 Agus thug Abraham Isaac (1) aisig. (2) dh’innis. (3) dh’oilltich na daoine. (4) a’ choire, an cron. (5) gu’n do smuainich, gu’n do shaoil mi. (6) air choigrich. (7) rithe. (8) d’an tig. (9) crodh, daimh. (10) seirbhisich, agus ban-seirbhisich. (11) bithidh so dhuitse. (12) chronaicheadh i. (13) dhruid gu daingean. (14) dh’fhiosraich, chuimhnich an Tighearn air Sarah. [TD 35] GENESIS. CAIB. XXI. mar ainm air a mhac a rugadh dha, a rug Sarah dha. 4 Agus thimchioll-ghearr Abraham Isaac a mhac, ’nuair a bha e ochd lathan a dh’aois, mar a dh’àithn Dia dha. 5 Agus bha Abraham ceud bliadhna dh’aois, ’nuair a rugadh a mhac Isaac dha. 6 Agus thubhairt Sarah, Thug Dia orm gàire dheanamh: agus gach neach a chluinneas, ni e gàire maille rium. 7 Agus thubhairt i, Co a theireadh re h-Abraham, gu’n d’thugadh Sarah cìoch do chloinn, oir rug mi mac dha ’na shean-aois? 8 Agus dh’fhàs an leanabh, agus chuireadh bhàrr na cìch’ e (1): Agus rinn Abraham cuirm mhòr ’san là an do chuireadh Isaac bhàrr na cìche. 9 Agus chunnaic Sarah mac Hagair na ban-Eiphitich, a rug i dh’Abraham, re fanoid. 10 Uime sin thubhairt i re h-Abraham, Tilg a mach a’bhan-tràill (2) so, agus a mac; oir cha bhi mac na ban-tràille so ’na oighre maille re m’ mhac-sa, eadhon re h-Isaac. 11 Agus bha’n ni ro-dhoilgheasach ann an sùilibh Abrahaim, air son a mhic. 12 Agus thubhairt Dia re h-Abraham, Na biodh e doilgheasach a’d’ shùilibh air son an òganaich, agus air son do bhan-tràille; a thaobh gach ni a thubhairt Sarah riut, éisd r’a guth; oir is ann an Isaac a dh’ainmichear (3) dhuitse sliochd. 13 Agus mar an ceudna do mhac na ban-tràille ni mise cinneach, do bhrìgh gur e do shliochds’ e. 14 Agus dh’éirich Abraham suas gu moch ’sa’ mhadainn, agus ghabh e aran, agus searrag (4) uisge, agus thug e sin do Hagar, agus chuir e air a gualainn e, agus an leanabh; agus chuir e air falbh i: agus dh’imich i, agus chaidh i air seacharan ’am fàsach Bheer-seba. 15 Agus chaitheadh (5) an t-uisge o’n t-searraig; agus thilg i’n leanabh fuidh h-aon do na preasaibh (6). 16 Agus dh’fhalbh i, agus shuidh i sìos f’a chomhair, tamull math uaith, mu thimchioll urchuir saighde: oir thubhairt i, Na faiceam bàs an leinibh. Agus shuidh i f’a chomhair, agus thog i suas a guth, agus ghuil i. 17 Agus chuala Dia guth an òganaich: agus ghairm aingeal Dé air Hagar o nèamh, agus thubhairt e ria, Ciod a tha teachd riut, a Hagair? Na biodh eagal ort; oir chuala Dia guth an òganaich far am bheil e. 18 Eirich, tog suas an t-òganach, agus gabh greim (7) a’d’ làimh dheth, oir ni mise ’na chinneach mòr e. 19 Agus dh’fhosgail Dia a sùilean, agus chunnaic i tobar uisge: agus chaidh i, agus lìon i ’n t-searrag le h-uisge, agus thug i deoch do’n òganach. 20 Agus bha Dia leis an òganach, agus dh’fhàs e suas; agus ghabh e còmhnuidh ’san fhàsach, agus bha e ’na fhear-bogha. 21 Agus ghabh e còmhnuidh ’am fàsach Pharain: agus ghabh (1) chuireadh air dìol e. (2) a’ bhann-tràill, bhean dhaor. (3) ghoirear. (4) soirre, buideal. (5) theirig. (6) craobhaibh. (7) glac. [TD 36] GENESIS. CAIB. XXII. a mhàthair bean da a talamh na h-Eiphit. 22 Agus ’san àm sin féin labhair Abimelech, agus Phichol ard cheannard a shluaigh, re h-Abraham, ag ràdh, Tha Dia leat ’sgach ni a ta thu deanamh. 23 A nis uime sin mionnaich dhomhsa air Dia, nach buin thu gu fealltach riumsa (1), no re m’ mhac, no re mac mo mhic; ach a réir a’ chaoimhneis a rinn mi riut, ni thusa riumsa, agus ris an tìr anns an robh thu air chuairt. 24 Agus thubhairt Abraham, Bheir mi mo mhionnan. 25 Agus thug Abraham achmhasan do Abimelech air son tobair uisge, a thug seirbhisich Abimeleich a mach le h-ainneart (2). 26 Agus thubhairt Abimelech, Cha b’fhiosrach mise co rinn an gnìomh so: cha d’innis thu féin domh, agus cha mhò a chuala mi bheag m’a thimchioll ach an diugh (3). 27 Agus ghabh Abraham caoraich agus crodh, agus thug e iad do Abimelech: agus rinn iad le chéile coi’-cheangal. 28 Agus chuir Abraham seachd uain bhainionn do’n treud air leth leo féin. 29 Agus thubhairt Abimelech re h-Abraham, Ciod iad na seachd uain bhainionn sin, a chuir thu air leth leo féin? 30 Agus thubhairt e, Oir gabhaidh tu na seachd uain bhainionn sin o m’ làimh; chum gu’m bi iad ’nam fianais domhsa gu’n do chladhaich mi ’n tobar so. 31 Uime sin thug e Berr-seba mar ainm air an àite sin, do bhrìgh ann an sin gu’n d’thug iad am mionnan le chéile. 32 Mar so rinn iad coi’-cheangal aig Beer-seba: ’an sin dh’éirich Abimelech suas, agus Phichol, ard cheannard a shluaigh, agus phill iad do thìr nam Philistineach. 33 Agus shuidhich Abraham doire (4) chraobh aig Beer-seba, agus ghairm e ’n sin air ainm an Tighearna, an Dé shiorruidh. 34 Agus bha Abraham air chuairt ann an tìr nam Philistineach mòran do laithibh. CAIB. XXII. AGUS ’an déigh nan nithe sin dhearbh (5) Dia Abraham, agus thubhairt e ris, Abrahaim. Agus thubhairt e, Feuch, tha mi ’n so. 2 Agus thubhairt esan, Gabh a nis do mhac, t’aon mhac Isaac, a’s ionmhuinn leat, agus rach do thìr Mhoriaih (6), agus thoir suas ’an sin e mar thabhartas-loisgt’ (7) air aon do na beanntaibh a dh’innseas mise dhuit. 3 Agus dh’éirich Abraham gu moch ’sa’ mhadainn, agus dh’uighimich e asal (8), agus ghabh e dithis d’a òganaich (9) maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh air son an tabhartais-loisgte, agus dh’éirich e suas, agus chaidh e do ’n àit’ a dh’innis Dia dha. 4 A nis air an treas là thog Abraham suas a shùilean, agus chunnaic e ’n t-àite fada uaithe. 5 Agus thubhairt Abraham r’a òganaich, Fanaibhs’ ann an so maille ris an asal, agus théid (1) nach dean thu feall ormsa. (2) le foirneart, leis an làimh làdair. (3) gus an diugh. (4) badan coille. (5) dh’fheuch. (6) thoir ort tìr Mhoriaih. (7) ofrail-loisgte. (8) chuir e dìollaid air asal. (9) a dhà òganach. [TD 37] GENESIS. CAIB. XXII. mis’ agus an gille (1) gu nuige (2) sud, agus ni sinn aoradh (3), agus thig sinn a rìs (4) d’ar n-ionnsuidh. 6 Agus ghabh Abraham fiodh (5) an tabhartais-loisgte, agus chuir se e air muin a mhic Issac; agus ghabh e ’na làimh an teine, agus an sgian: agus dh’imich iad cuideachd le chéile. 7 Agus labhair Isaac r’a athair Abraham, agus thubhairt e, Athair: agus thubhairt esan, Feuch, tha mi ’n fo, a mhic. Agus thubhairt e, Feuch an teine ’s am fiodh; ach c’àit’ am bheil an t-uan air son tabhartais-loisgte? 8 Agus thubhairt Abraham, Gheibh Dia, a mhic, uan dha féin (6) air son tabhartais-loisgte: Mar sin dh’imich iad cuideachd le chéile. 9 Agus thàinig iad do’n àit’ a dh’innis Dia dha, agus thog Abraham altair ’an sin, agus chuir (7) e ’m fiodh ’an òrdugh; agus cheangail e mhac Isaac, agus chuir e air an altair e air uachdar an fhiodha. 10 Agus shìn Abraham a mach a làmh, agus ghabh e ’n sgian a mharbhadh a mhic. 11 Agus ghlaodh (8) aingeal an Tighearna ris o neamh, agus thubhairt e, Abrahaim, Abrahaim. Agus thubhairt esan, Feuch, tha mi ’n so. 12 Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dean ni sam bith air: oir a nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dé ort, do bhrì’ nach do chum thu do mhac, eadhon t’aon mhac uamsa. 13 Agus thog Abraham suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus feuch, reithe air a chùlaobh (9) ’an fàs ann am preas (10) air adhaircean: agus chaidh Abraham, agus ghabh e ’n reithe, agus thug e suas e mar thabhartas-loisgte ’n àit’ a mhic. 14 Agus thug Abraham Iehobhah-Iireh mar ainm air an àite sin: mar a theirear gus an là’n diugh, Ann an sliabh an Tighearna chithear e (11). 15 Agus ghlaodh aingeal an Tighearna re h-Abraham an dara uair o nèamh, 16 Agus, thubhairt e, Orm féin mhionnaich mi, ars’ an Tighearn, a chionn gu’n d’rinn thu an ni so, agus nach do chum thu uam do mhac, eadhon t’aon mhac; 17 Gu’m beannaich mi thu gu mòr (12) agus gu’n dean mi do shliochd ro-lìonmhor eadhon mar reulta nèimh, agus mar an gaineamh (13), a ta air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geatadh an naimhde; 18 Agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn, a chionn gu’n d’éisd thu re m’ ghuth. 19 Mar sin phill Abraham dh’ionnsuidh òganacha; agus dh’éirich iad suas, agus chaidh iad cuideachd gu Beer-seba: agus ghabh Abraham còmhnuidh aig Beer-seba. 20 Agus ’an déigh nan nithe (1) an leanabh-gille. (2) gu ruig. (3) àdhradh. (4) pillidh sinn. (5) connadh. (6) Chi Dia, a mhic, air son uain dha féin. Eabh. (7) leag. (8) ghairm. (9) a chùl-thaobh. (10) ’an caoir-dhris. (11) San t-sliabh chi an Tighearna. (12) Le beannachadh gu’m beannaich mi thu. Eabh. (13) a’ghaineamh, a’ghainmheach. [TD 38] GENESIS. CAIB. XXIII. sin dh’innseadh do Abraham, ag ràdh, Feuch, rug Milcah mar an ceudna mic (1) do d’ bhràthair Nahor; 21 Hus a cheud-ghin, agus Buds a bhràthair, agus Cemuel athair Araim, 22 Agus Chesed, agus Hadso, agus Pildas, agus Idlaph, agus Betuel. 23 Agus ghin Betuel Rebecah: an ochdnar sin rug Milcah do Nahor, bràthair Abrahaim. 24 Agus a leannan (2), d’am b’ainm Reumah, rug ise mar an ceudna Tebah, agus Gaham, agus Tahas, agus Maachah. CAIB. XXIII. AGUS bha Sarah beo ceud agus seachd bliadhna fichead (3); b’iad so bliadhnacha beatha Sharaih. 2 Agus fhuair Sarah bàs ann an Ciriat-arba; ’se sin Hebron ann an tìr Chanaain: Agus thàinig Abraham a dheanamh tuiridh (4) air son Sharaih, agus a chaoidh (5) air a son. 3 Agus dh’éirich Abraham suas o làthair a mhairbh, agus labhair e re mic Het, ag ràdh, 4 Is coigreach agus fear-cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit’-adhlaic (6) maille ribh, agus gu’n adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh (7). 5 Agus fhreagair mic Het Abraham, ag ràdh ris, 6 Eisd ruinne, mo thighearna: is uachdaran (8) cumhachdach thusa ’nar measg-ne; ann an roghainn (9) ar n-àiteachan-adhlaic, adhlaic do mharbh: cha chum duine ’nar measg-ne àit’-adhlaic uait, gu d’ mharbh adhlac ann (10). 7 Agus dh’éirich Abraham suas, agus chrom se e féin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het. 8 Agus labhair e riu, ag ràdh, Ma’s àill leibh (11) gu’n adhlaicinn mo mharbh as mo shealladh, éisdibh rium, agus labhraibh air mo shon (12) re h-Ephron mac Shohair; 9 Chum as gu’n d’thoir (13) e dhomh uaimh Mhachpelaih a ta aige, a ta ann an crìoch achaidh (14) air son uiread airgid ’s is fiu (15) i, thugadh e dhomh mar sheilbh àit’-adhlaic ’nar measg-sa. 10 Agus bha Ephron ’na chòmhnuidh am measg chloinne Het. Agus fhreagair Ephron an t-Hiteach Abraham ann an éisdeachd cloinne Het, eadhon gach neach a chaidh steach air geatadh a bhaile-san, ag ràdh, 11 Na biodh e mar sin (16), mo thighearna, éisd rium: an t-achadh bheir mi dhuit, agus an uaimh a ta ann, bheir mi dhuit i; ann an làthair mhac mo dhaoine bheir mi dhuit i: adhlaic do mharbh. 12 Agus chrom Abraham e féin sìos ’an làthair muinntir na tìre. 13 Agus labhair e re h-Ephron, ann an éisdeachd muinntir na tìre, ag ràdh, Ach ma bheir (1) clann. (2) a choi’-leabach. (3) bha Sarah ceud agus seachd bliadhna fichead a dh’aois. (4) bròin. (5) a ghul, a chaoineadh. (6) tuama. (7) a m’ làthair. (8) prionnsadh. (9) roghadh. (10) cha bhac duine ’nar measg-ne dhiot do mharbh adhlac ’na àit’-adhlaic. (11) ma’s e ar toil. (12) guidhibh, deanaibh maoidhean as mo leth. (13) gu’n toir. (14) fhearainn, a raoin. (15) fiach. (16) Ni h-eadh. [TD 39] GENESIS. CAIB. XXIV. thu seachad i, guidheam ort; éisd rium: bheir mi dhuit airgiod air son an achaidh, gabh uam e, agus adhlaicidh mi mo mharbh ’an sin. 14 Agus fhreagair Ephron Abraham, ag ràdh ris, 15 Mo thighearna, éisd rium: is fiu an t-achadh ceithir cheud secel airgid; ciod sin eadar mis’ agus thusa? uime sin adhlaic do do mharbh. 16 Agus dh’éisd Abraham re h-Ephron, agus thomhais Abraham do Ephron an t-airgiod, a dh’ainmich e ann an éisdeachd mhac Het, ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannaiche (1). 17 Agus rinneadh achadh Ephroin, a bha ann am Machpelah, a bha fa chomhair Mhamre, an t-achadh, agus an uaimh a bh’ ann, agus gach craobh a bha ’san achadh, a bha ’na chrìch uile mu’n cuairt, 18 Daingean do Abraham mar sheilbh, ann an làthair cloinne Het, am fianuis gach neach a chaidh steach air geatadh a bhaile-san. 19 Agus ’an déigh sin dh’adhlaic Abraham Sarah a bhean, ann an uaimh achaidh Mhachpelaih, fa chomhair Mhamre: is e sin Hebron ann an tìr Chanaain. 20 Agus rinneadh an t-achadh, agus an uaimh a ta ann, daingean do Abraham, mar sheilbh àit’-adhlaic le mic Het. CAIB. XXIV. AGUS bha Abraham sean, agus air teachd gu h-aois mhòir (2), agus bheannaich an Tighearn Abraham ’sna h-uile nithibh. 2 Agus thubhairt Abraham r’a sheirbhiseach bu shine ’na thigh, aig an robh riaghladh gach ni bh’aige, Cuir, guidheam ort, do làmh fui’m’ shliasaid; 3 Agus bheir mi ort mionnachadh air an Tighearna, Dia nèimh, agus Dia na talmhainn (3), nach gabh thu bean do m’ mhac do nigheanaibh nan Canaanach, am measg am bheil mis a m’ chòmhnuidh: 4 Ach théid thu do m’ dhùthaich féin, agus a chum mo luchd-dàimh (4), agus gabhaidh tu bean do m’ mhac Isaac. 5 Agus thubhairt an seirbhiseach ris, Ma’s e ’s nach bi bhean toileach air mis’ a leantuinn do’n tìr so, an éigin domh do mhac a thoirt air ais a rìs do’n tìr as an d’thàinig thu? 6 Agus thubhairt Abraham ris, Thoir an ro-aire (5) nach d’thoir thu mo mhac ’an sin a rìs (6). 7 An Tighearna, Dia nèimh, a thug mise o thigh m’athar, agus o thìr mo dhilsean, agus a labhair rium, agus a mhionnaich dhomh, ag ràdh, Do d’ shliochd bheir mi am fearann so; cuiridh esan aingeal féin romhad, agus gabhaidh tu bean do m’ mhac as sin. 8 Agus mur bi bhean toileach air thus’ a leantuinn, ’an sin bithidh tu saor o m’ mhionnaibh so: a mhàin na d’thoir mo mhac ’an sin a rìs. 9 Agus chuir an seirbhiseach a làmh fuidh shliasaid Abrahaim (1) marsanta. (2) air dol air aghaidh gu math am bliadhnaibh. (3) an talmhainn. (4) mo dhilsean. (5) Bi air do ro-fhaicill. (6) a rist. [TD 40] GENESIS. CAIB. XXIV. a mhaighstir, agus mhionnaich e dha thaobh an ni sin. 10 Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail do chàmhalan a mhaighstir, agus dh’fhalbh e; oir bha maoin a mhaighstir uile aige f’a làimh (1): Agus dh’éirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Nahoir. 11 Agus thug e air na càmhail an glùn a lùbadh an taobh a muigh (2) do’n bhaile, làimh re tobar uisge, mu thràth feasgair, eadhon mu’n àm an d’théid (3) mnài a mach a tharruing uisge. 12 Agus thubhairt e, O Thighearna, Dhé mo mhaighstir Abrahaim, deònaich gu’n soirbhich leams’ an diugh (4), agus nochd caoimhneas do m’mhaighstir Abraham. 13 Feuch, tha mi m’ sheasamh ’an fo làimh ris an tobar uisge, agus thig nigheana muinntir (5) a’ bhaile mach a tharruing uisge. 14 Agus tachaireadh e (6), a’mhaighdean ris an abair mise, Leig sìos, guidheam ort, do shoitheach chum’s gu’n òl mi; agus their ise, Ol, agus bheir mise deoch do d’ chàmhail mar an ceudna: gu ma h-i (7) sin féin a dh’òrduich thu do d’ sheirbhiseach Isaac; agus le sin bithidh fios agam gu’n do nochd thu caoimheas do m’ mhaighstir. 15 Agus mun do sguir e do labhairt, feuch, thàinig Rebecah a mach, a rugadh do Bhetuel mac Mhilcah, mnà Nahoir, bràthar Abrahaim; agus a soitheach air a gualainn. 16 Agus bha chailin ro mhaiseach re amharc oirre, òigh; agus cha b’ aithne do fhear riamh i: agus chaidh i sìos do’n tobar, agus lìon i a soitheach, agus thàinig i nìos. 17 Agus ruidh an seirbhiseach ’na coinneamh (8), agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, beagan uisg’ òl as do shoitheach (9). 18 Agus thubhairt i, Ol, mo thighearna: agus ghreas i oirre (10), agus leig i sìos a soitheach air a làimh, agus thug i dha deoch. 19 Agus ’an déigh dh’i deoch a thoirt da, thubhairt i, Tairngidh mi uisg’ air son do chàmhal mar an ceudna, gus an sguir iad a dh’òl. 20 Agus ghreas i oirre, agus dh’fhalmhuich (11) i a soitheach ’san amar, agus ruidh i rìs do’n tobar, a tharruing uisge; agus tharruing i air son a chàmhal uile. 21 Agus bha’n duin’ ag amharc le h-iongantas oirre, agus a’ fantuinn ’na thosd (12), a dh’fheuchainn an d’thug no nach d’thug an Tighearn air a thurus (13) soirbheachadh leis. 22 Agus ’nuair a sguir na càmhail a dh’òl, ’an sin ghabh an duine cluas-fhàinne òir, ’san robh leth seceil a chudthrom, agus dà làmh-fhail (14) air son a làmh, ’san robh deich seceil òir a chudthrom. 23 Agus thubhairt e, Co (1) agus thug e leis cuid do uile mhaoin a mhaighstir ’na làimh. (2) a mach. (3) an téid. (4) eum, guidheam ort, coinneamh rium-sa ’n diugh. (5) dhaoine. (6) tarladh e, thigeadh e gu crìch; bitheadh e. Eabh. (7) gu’m bu h-i. (8) ’na cò’-dhail. (9) Caisg m’ ìotadh, guidheam ort, le beagan uisg’ as do shoitheach. (10) rinn i deifir, no cabhag. (11) dh’fholamhuich. (12) bha’n duine ’na thosd, ag amharc oirre le h-iongantas. (13) a shlighe. (14) bracelets Sasg. [TD 41] GENESIS. CAIB. XXIV. d’an nighean thu? innis dhomh, guidheam ort: am bheil ann an tigh t’athar àite dhuinn gu tàmh (1) a ghabhail ann? 24 Agus thubhairt i ris, ’S mise nighean Bhetueil, mhic Mhilcah, a rug i do Nahor. 25 Thubhairt i ris mar an ceudna, Tha againne araon conlach (2), agus innlinn (3) gu leòr, agus àite gu tàmh a ghabhail ann. 26 Agus chrom an duine e féin sìos, agus rinn e aoradh do’n Tighearna. 27 Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia mo mhaighstir Abrahaim, nach do bhuin a thròcair agus fhìrinn o m’ mhaighstir (4): air dhomhsa bhi ’san t-slighe, stiuir (5) an Tighearna mi gu tigh bhràithre mo mhaighstir. 28 Agus ruidh a’ mhaighdean, agus dh’innis i na nithe-sa do mhuinntir tighe a màthar. 29 Agus bha bràthair aig Rebecah, d’am b’ainm Laban: agus ruidh Laban a dh’ionnsuidh an duine a mach chum an tobair. 30 Agus ’nuair a chunnaic e a’ chluas-fhàinne, agus na làmh-fhailean air làmhan a pheathar, agus ’nuair a chual’ e briathra Rebecah a pheathar, ag ràdh, Mar so labhair an duine rium; ’an sin thàinig e dh’ionnsuidh an duine, agus feuch, sheas e làimh ris na càmhail aig an tobar; 31 Agus thubhairt e, Thig a steach, thusa ta beannaichte o’n Tighearna; c’uime sheasas tu a muigh? oir dh’ulluich (6) mis’ an tigh, agus àite do na càmhail. 32 Agus thàinig an duine do’n tigh, agus dh’fhuasgail e na càmhail, agus thug e seachad conlach agus innlinn air son nan càmhal, agus uisg’ a dh’ionnlad a chas, agus casan nan daoin’ a bha maille ris. 33 Agus chuireadh biadh air a bheulaobh gu itheadh: ach thubhairt e, Cha ’n ith mi, gus an innis mi mo ghnothuch. Agus thubhairt esan, Labhair romhad. 34 Agus thubhairt e, Is mise seirbhiseach Abrahaim; 35 Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighstir gu mòr, agus tha e air fàs cumhachdach: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgiod, agus òr, agus òglaich agus ban-oglaich, agus càmhail agus asail; 36 Agus rug Sarah, bean mo mhaighstir, mac do m’ mhaighstir ’na sean aois; agus thug e dha-san gach ni a bh’ aige (7); 37 Agus thug mo mhaighstir ormsa mo mhionnan a thoirt, ag ràdh, Cha ghabh thu bean do m’ mhac do nigheanaibh nan Canaanach, muinntir a tha mis’ a chòmhnuidh ’nam fearann. 38 Ach théid thu dh’ionnsuidh tighe m’athar, agus a dh’ionnsuidh mo dhilsean, agus gabhaidh tu bean do m’ mhac: 39 Agus thubhairt mi re m’ mhaighstir, Theagamh nach lean a’bhean mi: 40 Agus thubhairt esan rium, Cuiridh an Tighearn, ’an làthair an do ghluais mise, aingeal féin leat, agus soirbhichidh e do (1) aoidheachd. (2) fodar. (3) biadh spréidh. (4) nach d’fhàg mo mhaighstir as eugmhais a thròcair agus fhìrinn. (5) threòraich. (6) dh’ullamhuich, dheasaich. (7) gach ni a ta aige. [TD 42] GENESIS. CAIB. XXIV. thurus; agus gabhaidh tu bean do m’ mhac do m’ dhilsibh, agus do thigh m’athar. 41 ’An sin bithidh tu saor o m’mhionnaibh-sa, ’nuair a thig thu chum mo dhilse; agus mur d’thoir iad dhuit bean, ’an sin bithidh tu saor o m’ mhionnaibh. 42 Agus thàinig mi ’n diugh chum an tobair, agus thubhairt mi, O Thighearna, Dhé mo mhaighstir Abrahaim, ma shoirbhicheas tu nis mo thurus air am bheil mi ’g imeachd. 43 Feuch, tha mi m’sheasamh làimh ris an tobar uisge; agus ’nuair a thig a’ mhaighdean (1) a mach a tharruing uisge, agus a their mi ria, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge re òl as do shoitheach; 44 Agus a their ise rium, Ol thu féin, agus tairngidh mise mar an ceudna do d’chàmhail: gu ma h-i sin féin a’ bhean a dh’òrduich (2) an Tighearna do mhac mo mhaighstir. 45 Agus mun do sguir (3) mi labhairt a’m’ chridhe, feuch, thàinig Rebecah a mach, agus a soitheach air a gualainn; agus chaidh i sìos do’n tobar, agus tharruing i uisge: Agus thubhairt mi ria, Thoir dhomh deoch, guidheam ort: 46 Agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soitheach o gualainn, agus thubhairt i, Ol, agus bheir mi deoch do d’ chàmhail mar an ceudna: agus dh’ òl mi, agus thug i air na càmhail òl mar an ceudna. 47 Agus dh’fhiosraich (4) mi dhith, agus thubhairt mi, Co d’an nighean thusa? Agus thubhairt ise, ’S mi nighean Bhetueil, mhic Nahoir, a rug Milcah dha: Agus chuir mi chluas-fhàinne air a h-aghaidh, agus na làmh-fhailean air a làmhan. 48 Agus chrom mi sìos mo cheann, agus rinn mi aoradh do’n Tighearna, agus bheannaich mi ’n Tighearna, Dia mo mhaighstir Abrahaim, a threòraich mi ’san t-slighe cheart (5), a ghabhail nighinn bràthar mo mhaighstir d’a mhac. 49 Agus a nis, ma bhuineas sibh gu caoimhneil agus gu fìrinneach re m’ mhaighstir, innsibh dhomh; agus mur buin, innsibh dhomh; chum as gu’n tionndaidh mi dh’ionnsuidh na làimh deise, no na làimh cli. 50 ’An sin fhreagair Laban agus Betuel, agus thubhairt iad, ’S ann o ’n Tighearna thàinig an ni so: cha’n urrainn sinne olc no math a ràdh riut: 51 Feuch, tha Rebecah a’d’ làthair, gabh i, agus imich; agus biodh i ’na mnaoi aig mac do mhaighstir, mar a labhair an Tighearna. 52 Agus ’nuair a chuala seirbhiseach Abrahaim am briathra, chrom se e féin (6) gu làr do’n Tighearna. 53 Agus thug an seirbhiseach a làthair seudan (7) airgid agus seudan òir, agus eudach, agus thug e iad do Rebecah: thug e mar an ceudna nithe luachmhor (8) d’a bràthair agus d’a màthair. 54 Agus dh’ith iad, agus dh’òl iad, e féin agus na daoine bha maille ris, agus dh’fhan iad rè na h-oidhche: agus dh’éirich (1) a’ chailin. (2) a chomharaich a mach. (3) suil do sguir. Eir. (4) dh’fheòraich, dh’fhaoineachd, dh’fharraid. (5) air slighe na fìrinn. Eabh. (6) rinn e aoradh. (7) soithichean. Eabh. (8) prìseil. [TD 43] GENESIS. CAIB. XXV. iad ’sa’ mhadainn; agus thubhairt esan, Cuiribh air falbh mi dh’ionnsuidh mo mhaighstir. 55 Agus thubhairt a bràthair agus a màthair, Fanadh a’ mhaighdean maille ruinne air a’chuid a’s lugha deich lathan; ’na dhéigh sin falbhaidh i. 56 Agus thubhairt e riu, Na cuiribh moille orm, oir shoirbhich an Tighearna mo thurus: cuiribh air falbh mi, ’s gu’n d’théid mi dh’ionnsuidh mo mhaighstir. 57 Agus thubhairt iad, Gairmidh sinn air a’ mhaighdinn, agus fiosraichidh sinn d’a beul féin. 58 Agus ghairm iad air Rebecah; agus thubhairt iad ria, An d’théid thu leis an duine so? Agus thubhairt i, Théid. 59 Agus chuir iad air falbh Rebecah am piuthar, agus a ban-altrum, agus seirbhiseach Abrahaim, agus a dhaoine. 60 Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad ria, ’S tu ar piuthar, bio-s’ a’d’ mhàthair mhìlte do mhuillionaibh; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin le’m fuathach iad. 61 Agus dh’éirich Rebecah, agus a maighdeanan, agus mharcaich iad air na càmhail, agus lean iad an duine: agus ghabh an seirbhiseach Rebecah, agus dh’fhalbh e roimhe. 62 Agus bha Isaac a’ teachd o shlighe an tobair Lahai-roi; oir bha e chòmhnuidh ’san tìr fa dheas. 63 Agus chaidh Isaac a mach a bheachd-smuaineachadh ’san fhaiche (1) air feasgar: agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e, agus feuch, bha na càmhail a’ tighinn (2). 64 Agus thog Rebecah suas a sùilean, agus ’nuair a chunnaic i Isaac, theiring i (3) bhàrr a’ chàmhail, 65 Agus thubhairt i ris an t-seirbhiseach, Co e ’n duine so ta sràid-imeachd ’san fhaiche g’ar coinneachadh? Agus thubhairt an seirbhiseach, ’S e mo mhaighstir a th’ann: ’an sin ghabh i gnùis-bhrat (4), agus chòmhdaich si i féin. 66 Agus dh’innis an seirbhiseach do Isaac na h-uile nithe a rinn e. 67 Agus thug Isaac i do bhùth Sharaih a mhàthar, agus ghabh e Rebecah, agus bha i aige ’na mnaoi; agus ghràdhaich e i: agus fhuair Isaac sòlas ’an déigh bàis a mhàthar. CAIB. XXV. ANN sin ghabh Abraham bean a rìs, d’am b’ ainm Ceturah. 2 Agus rug i dha Simran, agus Iocsan, agus Medan, agus Midian, agus Isbac, agus Suah. 3 Agus ghin Iocsan Seba, agus Dedan. Agus b’ iad mic Dhedain Asurim, agus Letusim, agus Leumim. 4 Agus mic Mhidiain; Ephah, agus Epher, agus Hanoch, agus Abidah, agus Eldaah: b’ iad sin uile mic Cheturah. 5 Agus thug Abraham gach ni bh’ aige do Isaac. 6 Ach do mhic nan leannan a bh’ aig Abraham, thug Abraham tiodhlaca (5); agus chuir e air falbh iad o mhac Isaac, ’nuair (1) ’sa’ mhagh, ’sa’ mhachair. (2) a’ teachd. (3) thàinig i nuas. (4) sgàile air son a h-eudainn. (5) gibhtean. [TD 44] GENESIS. CAIB. XXV. a bha e féin fathast beo, do’n taobh an ear (1), do thìr na h-àirde ’n ear. 7 Agus ’s iad so lathan bhliadhnacha beatha Abrahaim a bha e beo; ceud agus tri fichead, agus cùig bliadhna deug. 8 ’An sin thug Abraham suas an deo (2), agus fhuair e bàs ann an deagh shean aois, ’na sheann-duine, agus làn do bhliadhnaibh; agus chruinnicheadh e chum a mhuinntir. 9 Agus dh’adhlaic a mhic Isaac agus Ismael e ann an uaimh Mhachpelaih, ann an achadh Ephroin, mhic Shoair an Hiteich, a ta fa chomhair Mhamre; 10 An t-achadh a cheannaich Abraham o mhic Het: ann an sin dh’adhlaiceadh Abraham, agus Sàrah a bhean. 11 Agus ’an déigh bàis Abrahaim, bheannaich Dia Isaac a mhac: agus ghabh Isaac còmhnuidh làimh re tobar Lahai-roi. 12 A nis is iad sin ginealaich Ismaeil, mhic Abrahaim, a rug Hàgar a’ bhan-Eiphiteach, ban-oglach Sharaih, do Abraham. 13 Agus is iad sin ainmeana mhac Ismaeil ’nan ainmeanaibh, a réir an ginealacha: ceud-ghin Ismaeil, Nebaiot; agus Cedar, agus Adbeel, agus Mibsam, 14 Agus Misma, agus Dumah, agus Masa, 15 Hadar, agus Tema, Ietur, Naphis, agus Cedemah. 16 Is iad sin mic Ismaeil, agus is iad sin an ainmeana ’nam bailtibh, agus ’nan daingneachaibh (3); dà cheannard deug a réir am fineacha. 17 Agus is iad sin bliadhnacha beatha Ismaeil, ceud agus seachd bliadhna deug ’ar fhichead: agus thug e suas an deo, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e chum a mhuinntir. 18 Agus ghabh iad còmhnuidh o Habhilah gu nuig Sur, a ta fa chomhair na h-Eiphit, mar a théid thu gu h-Asiria. ’An làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs. 19 Agus is iad sin ginealaich Isaaic mhic Abrahaim: Ghin Abraham Isaac. 20 Agus bha Isaac dà fhichead bliadhna dh’aois ’nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil, an t-Sirianaich o Phadan-aram, piuthar Labain san t-Sirianaich, dha féin ’na mnaoi. 21. Agus ghuidh (4) Isaac an Tighearna air son a mhnà, chionn gu’n robh i neo-thorrach: agus dh’éisd an Tighearna ris, agus dh’fhàs Rebecah a bhean torrach. 22 Agus bha chlann a’ coimh-ghleacadh (5) ’an taobh a stigh dh’i: agus thubhairt ise, Ma ta chùis mar sin, c’ar son a tha mi mar so? Agus chaidh i dh’fhiosrachadh (6) do’n Tighearna. 23 Agus thubhairt an Tighearna ria, Tha dà chinneach a’d’ bholg, agus bithidh dà shluagh air an sgaradh o t’innibh: agus bithidh aon sluagh dhiubh so ni’s treise na ’n sluagh eile; agus ni esan a’s sine (7) seirbis dha-san a’s òige (8). 24 Agus ’nuair a choi’-lionadh a lathan gu bi air a h-aisead (9), (1) an oir. (2) an anail. (3) caistealaibh. (4) dh’athchuingich. (5) a’ gleachdadh no strì’ re chéile. (6) dh’fheòraich. (7) a’s mo. (8) a’s lugha. (9) lathan a tuislidh; làethe a tuismidhe. Eir. [TD 45] GENESIS. CAIB. XXVI. feuch, bha leth-aona (1) ’na bolg. 25 Agus thàinig an ceud-ghin a mach dearg, is e uile mar fhalluinn mholaich: agus thug iad Esau mar ainm air. 26 Agus ’na dhéigh sin thàinig a bhràthair a mach, agus greim aig a làimh do shàil Esau; agus thugadh Iacob mar ainm air: agus bha Isaac tri fichead bliadhna dh’aois, ’nuair a rugadh iad. 27 Agus dh’fhàs na gillean (2); agus bha Esau ’na shealgair seòlta, na fhear machrach; agus bha Iacob ’na dhuine coi’-lionta (3), a’gabhail còmhnuidh ’am bùthaibh. 28 Agus ghràdhaich Isaac Esau (4), a chionn gu’n d’ith e d’a shithinn (5); ach ghràdhaich Rebecah Iacob. 29 Agus bhruich Iacob brochan: agus thàinig Esau o’n mhachair, agus e fann (6). 30 Agus thubhairt Esau re Iacob, Leig dhomh itheadh, guidheam ort, do’n bhrochan dearg sin féin; oir tha mi fann; uime sin thugadh Edom mar ainm air. 31 Agus thubhairt Iacob, Reic rium an diugh do chòir-bhreith (7). 32 Agus thubhairt Esau, Feuch, tha mi dlù (8) don bhàs; agus ciod an tairbh’ a tha ’sa’ chòir-bhreith so dhomhsa? 33 Agus thubhairt Iacob, Mionnaich dhomhsa ’n diugh; agus mhionnaich e dha: agus reic e chòir-bhreith re Iacob. 34 ’An sin thug Iacob do Esau aran, agus brochan do ghall-pheasair (9); agus dh’ith e agus dh’òl e, agus dh’ éirich e, agus dh’fhalbh e roimhe: mar so rinn Esau dì-meas air a chòir-bhreith. CAIB. XXVI. AGUS bha gorta ’san tìr a bharrachd (10) air a’ cheud ghorta bha ann an laithibh Abrahaim: agus chaidh Isaac gu Abimelech righ nam Philistineach, do Gherar. 2 Agus dh’fhoillsich an Tighearn e féin dha, agus thubhairt e, Na rach sìos do’n Eiphit: gabh còmhnuidh anns an tìr a dh’ innseas mise dhuit. 3 Bi air chuairt ’san tìr so, agus bithidh mise maille riut, agus beannaichidh mi thu: oir dhuitse agus do d’ shliochd bheir mise na dùthchanna sin uile, agus coi’-lionaidh mi na mionnan a mhionnaich mi do t’athair Abraham. 4 Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reulta nèimh, agus bheir mi do d’ shliochd na dùthchanna sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn: 5 Do bhrìgh gu’n d’éisd Abraham re m’ ghuth, agus gu’n do ghléidh e m’iarrtas (11), m’ àitheanta, m’orduighean, agus mo laghanna (12). 6 Agus ghabh Isaac còmhnuidh ann an Gerar. 7 Agus dh’fhiosraich daoin’ an àite dheth m’a mhnaoi; agus thubhairt e, ’Si mo phiuthar i: oir bha eagal air a ràdh, ’Si mo bhean i; an t-eagal, ars’ esan, (1) dithis naoidheana. (2) na h-òganaich. (3) dìreach, gun lùb. (4) bu toigh le h-Isaac Esau, b’ionmhuinn le h-Isaac Esau. (5) d’a sheilg. (6) agus e air a chur, e fàilingeach. (7) do chòir ceud-bhreith. (8) dlùth. (9) lentiles. Sasg. (10) a thuille. (11) m’earail. (12) mo reachda. [TD 46] GENESIS. CAIB. XXVI. gu’m marbhadh daoin’ an àite mi air son Rebecah, do bhrìgh gu’n robh i maiseach re amharc oirre. 8 Agus ’nuair a bha e aimsir fhada ’n sin, sheall Abimelech righ nam Philistineach a mach air uinneig, agus chunnaic e, agus feuch, bha Isaac a’ sùgradh r’a mhnaoi Rebecah. 9 Agus ghairm Abimelech air Isaac, agus thubhairt e, Feuch, gu cinnteach s’i do bhean i: agus cionnas a thubhairt thu, ’Si mo phiuthar i? agus thubhairt Isaac ris, A chionn gu’n d’ thubhairt mi, An t-eagal gu’m bàsaich mi air a son. 10 Agus thubhairt Abimelech, Ciod e so a rinn thu oirn? dh’fheudadh a h-aon do’n t-sluagh luidhe le d’ mhnaoi, agus bheireadh tu cionta oirne. 11 Agus thug Abimelech àithne d’a shluagh uile, ag ràdh, Esan a bheanas ris an duine so, no r’a mhnaoi, gu cinnteach cuirear gu bàs e. 12 ’An sin shìol-chuir Isaac ’san tìr sin, agus fhuair e ’sa’ bhliadhna sin féin a’ cheud uiread ’s a chuir e, agus bheannaich an Tighearn e. 13 Agus dh’fhàs an duine mòr, agus chaidh e air aghaidh, agus dh’fhàs e, gus an robh e ro-mhòr: 14 Oir bha aige sealbh chaorach, agus sealbh cruidh, agus mòran sheirbhiseach (1). Agus ghabh na Philistinich farmad ris. 15 Agus dhùin na Philistinich suas na tobair uile a chladhaich seirbhisich athar, ann an laithibh Abrahaim athar, agus lìon iad le h-ùir iad. 16 Agus thubhairt Abimelech re h-Isaac, Imich uainne; oir is cumhachdaiche thu gu mòr sinne. 17 Agus dh’imich Isaac as sin, agus shuidhich e bhùth ann an gleann Gherair, agus ghabh e còmhnuidh ’an sin. 18 Agus chladhaich Isaac a rìs na tobair uisge, a chladhaicheadh ann an laithibh Abrahaim athar; oir dhùin na Philistinich suas iad ’an déigh bàis Abrahaim: agus thug e ainmeanan orra a réir nan ainmeana thug athair orra. 19 Agus chladhaich seirbhisich Isaaic ’sa’ ghleann, agus fhuair iad ’an sin tobar fìor-uisge. 20 Agus rinn buachailleann Gherair consachadh (2) re buachaillean Isaaic, ag ràdh, Is leinne ’n t-uisge: agus thug e Esee mar ainm air an tobar, a chionn gu’n d’rinn iad consachadh ris. 21 Agus chladhaich iad tobar eile, agus rinn iad consachadh uime sin cuideachd: agus thug e Sitnah mar ainm air. 22 Agus chaidh e iomraich as sin, agus chladhaich e tobar eile; agus cha d’rinn iad consachadh uime sin: agus thug e Rehobot mar ainm air; agus thubhairt e, Oir thug an Tighearn a nis farsaingeachd dhuinn; agus fàsaidh sinn lìonmhor (3) ’san tir. 23 Agus chaidh e suas as sin gu Beer-seba. 24. Agus dh’fhoillsich an Ti- (1) mòr-mhuinntir. (2) comhstri.’ (3) sìolmhor. [TD 47] GENESIS. CAIB. XXVII. ghearn e féin da ’san oidhche sin féin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahaim t-athar; na biodh eagal ort, oir a ta mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus ni mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahaim. 25 Agus thog e altair ’an sin, agus ghairm e air ainm an Tighearna, agus shuidhich e ’n sin a bhùth: agus chladhaich seirbhisich Isaaic tobar ’an sin. 26 ’An sin chaidh Abimelech d’a ionnsuidh o Gherar, agus a charaid Ahudsat, agus Phichol ard cheannard a shluaigh (1). 27 Agus thubhairt Isaac riu, C’ar son a thàinig sibh a m’ionnsuidh, agus gu bheil fuath agaibh dhomh, agus gu’n do chuir sibh uaibh mi? 28 Agus thubhairt iadsan, Chunnaic sinn gu cinnteach gu’n robh an Tighearna leat; agus thubhairt sinn, Biodh a nis mionnan eadaruinn, eadhon eadar sinne agus thusa, agus deanamaid coi’-cheangal riut; 29 Nach dean thu oirne cron ’sam bith, mar nach do bhean sinne riutsa, agus mar nach do rinn sinn ni sam bith ort ach math, agus a chuir sinn uainn thu ’n sìth: Tha thusa nis air do bheannachadh leis an Tighearna. 30 Agus rinn e dhoibh cuirm, agus dh’ith agus dh’òl iad. 31 Agus dh’éirich iad gu moch ’sa’ mhadainn, agus mhionnaich iad d’a chéile: agus chuir Isaac air falbh iad, agus dh’imich iad uaith ’an sìth. 32 Agus air an là sin féin thàinig seirbhisich Isaaic, agus dh’innis iad dha m’a thimchioll an tobair a chladhaich iad, agus thubhairt iad ris, Fhuair sinn uisge. 33 Agus thug e Sebah mar ainm air: uime sin ’se Beer-sebah ainm a’ bhaile sin gus an là’n diugh. 34 Agus bha Esau dà fhichead bliadhna dh’aois; agus ghabh e mar mhnaoi Iudit, nighean Bheeri an Hitich, agus Basemat nighean Eloin an Hitich: 35 Agus bha iad sin ’nam briseadh-cridhe (2) do Isaac agus do Rebecah. CAIB. XXVII. AGUS ’nuair a bha Isaac air fàs sean, agus a bha shùilean dall air chor as nach faiceadh e, ghairm e air Esau a mhac bu shine, agus thubhairt e ris, A mhic: agus thubhairt esan ris, Feuch, tha mi ’n so. 2 Agus thubhairt esan, Feuch a nis, tha mise sean; cha’n’eil fios agam air latha mo bhàis. 3 Agus a nis, guidheam ort, gabh t’airm, do bholg-saighead agus do bhogha, agus falbh a mach do’n mhachair, agus sealg dhomh sithionn; 4 Agus dean dhomh biadh blasda mar is ionmhuinn (3) leam, agus thoir a m’ ionnsuidh e agus gu’n ith mi; chum as gu’m beannaich m’anam thu mum faigh mi bàs. 5 Agus chuala Rebecah ’nuair a labhair Isaac r’a mhac Esau: agus chaidh Esau do’n mhachair a shealg sithinn, gu toirt d’a ionnsuidh. 6 Agus labhair Rebecah r’a mac Iacob, ag ràdh, Feuch, (1) armailt. (2) mulad-inntinn. (3) toigh. [TD 48] GENESIS. CAIB. XXVII. chuala mi t’athair a’ labhairt re h-Esau do bhràthair, ag ràdh, 7 Thoir a m’ ionnsuidh, sithionn, agus dean biadh blasda dhomh, agus gu’n ith mi, agus gu’m beannaich mi thu ’n làthair an Tighearna, roimh m’ bhàs. 8 Nis uime sin, a mhic, éisd re m’ ghuth, a réir an ni a ta mi ’g àithneadh dhuit. 9 Falbh a nis a dh’ionnsuidh an treud, agus thoir a m’ionnsuidh o sin dà dheagh mheann do na gabhraibh; agus ni mis’ iad ’nam biadh blasda air son t’ athar, mar is ionmhuinn leis. 10 Agus bheir thu dh’ionnsuidh t’athar e, agus gu’n ith e, chum as gu’m beannaich e thu roimh bhàs. 11 Agus thubhairt Iacob re Rebecah a mhàthair, Feuch, tha Esau mo bhràthair ’na dhuine molach, agus mis’ a’m’ dhuine lom. 12 Ma ’s e’s (1) gu’n laimhsich m’athair mi, ’an sin measar mi leis (2) mar neach leis am b’àill a mhealladh (3); agus bheir mi mallachadh orm féin, agus cha bheannachadh. 13 Agus thubhairt a mhàthair ris, Ormsa bitheadh do mhallachadh, a mhic: a mhàin éisd re m’ ghuth, agus falbh, thoir a m’ ionnsuidh iad. 14 Agus dh’fhalbh e, agus ghlac e iad, agus thug e iad a dh’ionnsuidh mhàthar: agus rinn a mhàthair biadh blasda, mar a b’ionmhuinn le athair. 15 Agus ghabh Rebecah eudach taitneach Esau a mic bu shine, a bh’aice ’san tigh; agus chuir i e air Iacob a mac a b’òige. 16 Agus chuir i croicinn mheann nan gabhar air a làmhan, agus air luime a mhuineil. 17 Agus thug i’m biadh blasda, agus an t-aran a dheasaich i, do làimh a mic Iacoib. 18 Agus thàinig e dh’ionnsuidh athar, agus thubhairt e, Athair: agus thubhairt esan, Feuch, tha mi ’n so; co thusa, a mhic? 19 Agus thubhairt Iacob r’a athair, Is mise Esau do cheud-ghin; rinn mi mar a dh’iarr thu orm (4): éirich, guidheam ort, suidh agus ith do m’ shithinn, chum as gu’m beannaich t’anam mi. 20 Agus thubhairt Isaac r’a mhac, Cionnas a fhuair thu i cho luath, a mhic? agus thubhairt esan, A chionn gu’n do chuir an Tighearna do Dhia a’m’ rathad i. 21 Agus thubhairt Isaac re Iacob, Thig am fagus a nis agus gu’n laimhsich mi thu, a mhic, an tusa féin mo mhac Esau, no nach tu. 22 Agus chaidh Iacob am fagus d’a athair Isaac, agus laimhsich se e; agus thubhairt e, ’Se ’n guth guth Iacoib, ach ’s iad na lamhan làmhan Esau. 23 Agus cha d’aithnich se e, chionn gu’n robh a làmha molach, mar làmhan Esau a bhràthar: mar sin bheannaich se e. 24 Agus thubhairt e, An tusa féin mo mhac Esau? agus thubhairt esan, Is mi. 25 Agus thubhairt e, Thoir am fagus domh e, agus ithidh (1) Feudaidh e bi. (2) bithidh mi ’na shùilibh. Eabh. (3) mar mhealltair. (4) mar a thubhairt thu rium. Eabh. [TD 49] GENESIS. CAIB. XXVII. mi do shithinn mo mhic, chum as gu’m beannaich m’anam thu. Agus thug e ’m fagus da e, agus dh’ith e; agus thug e d’a ionnsuidh fìon, agus dh’òl e. 26 Agus thubhairt athair Isaac ris, Thig am fagus a nis, agus pòg mi, a mhic. 27 Agus thàinig e’m fagus, agus phòg se e: agus dh’fhairich (1) e boladh eudaich; agus bheannaich se e, agus thubhairt e, Feuch, tha fàile mo mhic mar fhàile fearainn (2), a bheannaich an Tighearna. 28 Uime sin gu’n d’thugadh Dia dhuit do dhrùchd (3) nèimh, agus do reamhrachd (4) na talmhainn, agus pailteas arbhair agus fìona. 29 Deanadh slòigh seirbhis dhuit, agus strìochdadh cinnich (5) dhuit; bi d’ uachdaran air do bhràithribh, agus cromadh mic do mhàthar sìos dhuit: mallaichte gu’n robh gach neach a mhallaicheas thu, agus beannaichte gu’n robh gach neach a bheannaicheas thu. 30 Agus co luath agus a sguir Isaac do bheannachadh Iacoib, ’nuair bu ghann a bha Iacob air dol a mach fathast a làthair Isaaic athar, thàinig a bhràthair Esau o sheilg. 31 Agus rinn esan mar an ceudna biadh blasda, agus thug e dh’ionnsuidh athar e; agus thubhairt e r’a athair, Eireadh m’athair, agus itheadh e do shithinn a mhic, chum gu’m beannaich t’anam mi. 32 Agus thubhairt Isaac athair ris, Co thusa? agus thubhairt esan, Is mi do mhac, do cheud-ghin, Esau. 33 Agus chriothnaich Isaac le ball-chrith an-barraich, agus thubhairt e, Co, c’àite ’m bheil esan a ghlac (6) sithionn, agus a thug i m’ionnsuidh, agus dh’ith mi do’n iomlan mun d’thàinig thusa? agus bheannaich mi e, seadh agus beannaichte bithidh se. 34 ’Nuair a chual’ Esau briathran athar, ghlaodh e le glaodh mòr, agus ro shearbh; agus thubhairt e r’a athair, Beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna, O athair. 35 Agus thubhairt e, Thàinig do bhràthair le ceilg, agus thug e leis do bheannachadh. 36 Agus thubhairt esan, Nach ceart a thugadh Iacob mar ainm air? oir thàinig e fodham (7) an dà uair so: thug e leis mo chòir-bhreith; agus feuch, a nis thug e leis mo bheannachadh. Agus thubhairt e, Nach do ghleidh thu dhomhsa beannachadh? 37 Agus fhreagair Isaac, agus thubhairt e re h-Esau, Feuch, rinn mi e ’na uachdaran ort, agus a bhràithrean uile thug mi dha mar sheirbhisich; agus le h-arbhar agus le fìon chum mi suas e: agus dhuitse ciod a nis a ni mi, a mhic? 38 Agus thubhairt Esau r’a athair, Nach ’eil agad ach aon bheannachadh, athair? beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna, O athair. Agus thog Esau suas a ghuth, agus ghuil e. 39 Agus fhreagair Isaac athair, agus thubhairt e ris, Feuch, ann an reamhrachd na talmhainn bithidh do chòmhnuidh, agus ann an drùchd nèimh o’n àirde. 40 Agus le d’ chlaidheamh thig thu beo, agus do d’ bhrà- (1) bhol, bholtruich. (2) achaidh. (3) do dhealt. (4) do shaill, do shult. (5) fineachan. (6) shealg. (7) fudham, fo m’ làimh. (8) le d’ chloidheamh. [TD 50] GENESIS. CAIB. XXVIII. thair ni thu seirbhis: agus ’nuair a bhios an uachdranachd agad, ’an sin brisidh tu a chuing o d’ mhuineal. 41 Agus dh’fhuathaich Esau Iacob air son a’ bheannachaidh leis an do bheannaich athair e: agus thubhairt Esau ’na chridhe, Tha lài a’ bhròin air son m’athar am fagus, agus ’an sin marbhaidh mi mo bhràthair Iacob. 42 Agus dh’innseadh do Rebecah briathran Esau a mic bu shine, agus chuir i teachdaire uaithe (1), agus ghairm i air Iacob a mac a b’ òige, agus thubhairt i ris, Feuch, tha do bhràthair Esau toirt co’-fhurtachd dha féin a d’ thaobh-sa, a’ cur roimhe do mharbhadh. 43 A nis uime sin, a mhic, éisd re m’ ghuth, agus éirich, teich-sa dh’ionnsuidh mo bhràthar Labain do Haran. 44 Agus fanaidh tu maille ris beagan do laithibh, gus an tionndaidh (2) fraoch feirge (3) do bhràthar; 45 Gus an tionndaidh corruich do bhràthar uait, agus gu’n di-chuimhnich e na rinn thu air: ’an sin cuiridh mise fios, agus bheir mi a sin thu. C’ar son a chaillin le chéile sibh ann an aon là? 46 Agus thubhairt Rebecah re h-Isaac, Tha mi sgìth do m’ bheatha air son nigheana Het: ma ghabhas Iacob bean do nigheanaibh Het, mar iadsan a ta do nigheanaibh na dùthcha, ciod am math a ni mo bheatha dhomhsa? CAIB. XXVIII. AGUS ghairm Isaac air Iacob, agus bheannaich se e, agus dh’àithn e dha, agus thubhairt e ris, Cha ghabh thu bean da nigheanaibh Chanaain. 2 Eirich, imich do Phadan-aram, do thigh Bhetueil athar do mhàthar, agus gabh dhuit féin as sin bean do nigheanaibh Labain, bràthar do mhàthar. 3 Agus gu beannaicheadh Dia uile-chumhachdach thu, agus gu deanadh e sìolmhor thu, agus gu d’thugadh e ort fàs lìonmhor, air chor as gu’m bi thu a’d’ cho’-chruinneachadh chinneach (4): 4. Agus gu d’thugadh e dhuit beannachadh Abrahaim, dhuit-se, agus do d’ shliochd maille riut; chum gu’n sealbhaich thu ’m fearann ’sam bheil thu a’d’ choigreach, a thug Dia do Abraham. 5 Agus chuir Isaac air falbh Iacob, agus chaidh e do Phadan-aram, gu Laban, mac Bhetueil an t-Sirianaich, bràthair Rebecah, màthar Iacoib agus Esau. 6 ’Nuair a chunnaic Esau gu’n do bheannaich Isaac Iacob, agus gu’n do chuir e air falbh e do Phadan-aram, a ghabhail mnà dha féin as sin; agus ’nuair a bheannaich se e, gu’n d’thug e àithne dha, ag ràdh, Cha ghabh thu bean do nigheanaibh Chanaain; 7 Agus gu’n d’éisd Iacob (5) r’a athair, agus r’a mhàthair, agus gu’n deachaidh e do Phadan-aram. 8 Agus ’nuair a chunnaic Esau nach do thaitinn nigheana Chanaain r’a athair Isaac; 9 ’An sin chaidh Esau dh’ionnsuidh Ismaeil, agus ghabh e Ma- (1) chuir i fios uaipe. (2) traogh. (3) lasan feirge. (4) a’d’ iomadaigh phoibleach. (5) gu’n d’thug Iacob géill. [TD 51] GENESIS. CAIB. XXIX. halat nighean Ismaeil mhic Abrahaim, piuthar Nebaiot, dha féin mar mhnaoi a thuill’ air na mnaibh a bh’aige. 10 Agus chaidh Iacob a mach o Bheer-seba, agus chaidh e gu Haran. 11 Agus thachair (1) e air àite àraidh, agus dh’fhan e ’n sin an oidhche sin, a chionn gu’n robh a’ ghrian air luidhe: agus ghabh e h-aon do chlachaibh an àite sin, agus chuir e fuidh cheann (2) i, agus luidh e sìos ’san àite sin a chodal. 12 Agus bhruadair e; agus feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr (3) a’ ruigheachd gu nèamh: agus feuch, aingil De a’ dol suas agus a’ teachd a nuas air. 13 Agus feuch, sheas an Tighearna os a cheann, agus thubhairt e, ’Smis’ an Tighearna Dia Abrahaim t’athar, agus Dia Isaaic: am fearann air am bheil thu d’ luidhe, bheir mise dhuit e, agus do d’ shliochd. 14 Agus bithidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn; agus sgaoilidh tu mach a dh’ionnsuidh na h-àird’ an iar agus na h-àird’ an ear, agus a dh’ionnsuidh na h-àirde tuath agus na h-àirde deas: agus beannaichear annad-san uile theaghlaiche na talmhainn, agus ann ad shliochd-sa. 15 Agus feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àit’ an d’théid thu, agus bheir mi rìs thu dh’ionnsuidh na tìre so; oir cha tréig mi thu, gus an dean mi an ni sin a labhair mi riut. 16 Agus dhùisg Iacob as a chodal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha ’n Tighearna ’san àite so, agus cha robh fios agam air. 17 Agus bha eagal air, agus thubhairt e, Cia h-uathbhasach (4) an t-ionad (5) so! cha ’n àit’ air bith so ach tigh Dhe, agus ’se so geata nèimh. 18 Agus dh’éirich Iacob gu moch ’sa’ mhadainn, agus ghabh e chlach a chuir e fuidh cheann, agus chuir e suas ’na carradh (6) i, agus dhòirt e oladh air a mullach. 19 Agus thug e Bet-el mar ainm air an àite sin: ach b ’è Luds ainm a’ bhaile sin air tùs. 20 Agus mhòidich Iacob mòid (7), ag ràdh, Ma bhios Dia leam, agus ma ghleidheas e mi air an t-slighe sin air am bheil mi ’g imeachd (8), agus ma bheir dhomh aran r’a itheadh, agus eudach r’a chur umam; 21 Agus gu’n d’thig mi rìs ’an sìth a dh’ionnsuidh tighe m’athar: ’an sin bithidh’n Tighearn agam ’na Dhia. 22 Agus bithidh a’ chlach (9) so, a chuir mi suas ’na carradh, ’na tigh aig Dia: agus do gach ni a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deachamh dhuit. CAIB. XXIX. ’AN sin dh’imich Iacob air a thurus, agus chaidh e do dhùthaich dhaoine na h-àirde ’n ear. 2 Agus dh’amhairc e, agus feuch, tobar ’sa’ mhachair, agus feuch, bha ’n sin tri treuda (1) thàinig, theiring. (2) ’na cluasaig. (3) cheann. Eabh. (4) eagalach, oillteil. (5) àite. (6) post, prop. (7) bhòidich Iacob bòid. (8) triall. (9) a’chloch. [TD 52] GENESIS. CAIB. XXIX. chaorach ’nan luidhe làimh ris; oir as an tobar sin thug iad uisge do na treudaibh: agus bha clach mhòr air beul an tobair. 3 Agus chruinnicheadh a dh’ionnsuidh sin na treudan uile; agus charuich (1) iad a’ chlach bhàrr beoil (2) an tobair, agus thug iad uisge do na caoraich, agus chuir iad a’ chlach a rìs air beul an tobair ’na h-àite féin. 4 Agus thubhairt Iacob riu, Mo bhràithre, cia as a thàinig sibh? Agus thubhairt iadsan, O Haran thàinig sinne. 5 Agus thubhairt e riu, An aithne dhuibh Laban mac Nahoir? Agus thubhairt iadsan, ’S aithne dhuinn. 6 Agus thubhairt e riu, Am bheil e gu math? Agus thubhairt iadsan, Tha e gu math: agus feuch, a ta Rachel a nighean a’ tighinn leis na caoraich. 7 Agus thubhairt e, Feuch, ’se fathast àird’ an latha a t’ ann, agus cha d’thàinig idir àm chruinneachadh na spréidh: thugaibhs’ uisge do na caoraich, agus rachaibh agus inealtraibh iad. 8 Agus thubhairt iad, Cha ’n urradh sinn, gus an cruinnichear na treudan uile ’n ceann a chéile, agus gus an caruichear a’ chlach bhàrr beoil an tobair; ’an sin bheir sinn uisge do na caoraich. 9 Agus am feadh a bha e fathast a’ labhairt riu, thàinig Rachel le caoraich a h-athar; oir b’i bha ’gan gleidheadh (3). 10 Agus ’nuair a chunnaic Iacob Rachel nighean Labain bràthar a mhàthar, agus caoraich Labain bràthar a mhàthar, ’an sin chaidh Iacob am fagus, agus charuich e chlach bhàrr beoil an tobair, agus thug e uisge do chaoraich Labain bràthar a mhàthar. 11 Agus phòg Iacob Rachel, agus thog e suas a ghuth, agus ghuil e. 12 Agus dh’innis Iacob do Rachel gu’m b’e bràthair a h-athar e, agus gu’m b’e mac Rebecah e: agus ruidh i; agus dh’innis i d’a h-athair. 13 Agus ’nuair a chuala Laban sgeula Iacoib mhic a pheathar, ’an sin ruidh e ’na choinneamh, agus ghabh e ’na ghlacaibh e, agus phòg se e, agus thug e d’a thigh e: agus dh’innis e do Laban na nithe sin uile. 14 Agus thubhairt Laban ris, Gu cinnteach ’s tu mo chnàimh agus m’fheoil: agus dh’fhan e maille ris rè mìos. 15 Agus thubhairt Laban re Iacob, A chionn gur tu mo bhràthair, am buin e dhuit seirbhis a dheanamh dhomh a nasgaidh? innis domh ciod e do thuarasdal (4). 16 Agus bha aig Laban dithis nigheana: b’e ainm na té bu shine Leah, agus ainm na té a b’òige Rachel. 17 Agus bha sùilean Leah an-fhann, ach bha Rachel maiseach ’na dealbh agus sgiamhach ’na gnùis (5). 18 Agus bha gràdh aig Iacob air Rachel, agus thubhairt e, Ni mi seirbhis dhuit seachd bliadhnan air son Racheil do nighinn a’s òige. 19 Agus thubhairt Laban, ’S (1) choruich. Eir. (2) béil. (3) ’g am biadhadh. (4) ciod an tuarasdal a bhios duit. (5) maiseach re amharc orra. [TD 53] GENESIS. CAIB. XXX. fearr dhomh a toirt duitse na gu’n d’thugainn i do dhuine ’sam bith eile: san maille rium. 20 Agus rinn Iacob seirbhis air son Racheil seachd bliadhna: agus bha iad ’na shùilibh mar bheagan do laithibh (1), a thaobh a’ ghràidh a bh’aige oirre. 21 Agus thubhairt Iacob re Laban, Thoir dhomh mo bhean (oir choi’-lionadh mo lài) a chum gu’n d’théid mi steach d’a h-ionnsuidh. 22 Agus chruinnich Laban cuideachd daoin’ an àit’ uile, agus rinn e cuirm. 23 Agus ’san fheasgar ghabh e Leah a nighean, agus thug e d’a ionnsuidh i; agus chaidh e steach d’a h-ionnsuidh. 24. Agus thug Laban d’a nighinn Leah Silpah a bhan-oglach féin, mar bhan-oglaich. 25 Agus ’sa’ mhadainn, feuch, b’i Leah bh’ ann: agus thubhairt e re Laban, Ciod e so a rinn thu orm? Nach ann air son Racheil a rinn mi seirbhis dhuit? agus c’ar son a mheall thu mi? 26 Agus thubhairt Laban, Cha ’n fheud e bhi mar sin ’nar dùthaichne (2), an té a’s òige thoirt seachad roimh ’n té a’s sine (3). 27 Coimh-lion a seachduin-sa, agus bheir sinn dhuit ise mar an ceudna, air son na seirbhis a ni thu maille rium fathast rè sheachd bliadhn’ eile. 28 Agus rinn Iacob mar sin, agus choi’-lion e a seachduin, agus thug e dha Rachel a nighean mar an ceudna ’na mnaoi. 29 Agus thug Laban do Rachel a nighean Bilhah a bhan-oglach féin, dh’ise mar bhan- oglaich. 30 Agus chaidh e steach cuideachd a dh’ionnsuidh Racheil, agus ghràdhaich e mar an ceudna Rachel ni’s mò na Leah, agus rinn e seirbhis maille ris fathast seachd bliadhn’ eile. 31 Agus ’nuair a chunnaic an Tighearna gu’n d’thugadh fuath do Leah, dh’fhosgail è a bolg: ach bha Rachel gun chlann (4). 32 Agus dh’fhàs Leah torrach, agus rug i mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir thubhairt i, Gu deimhin dh’amhairc an Tighearn air m’ àmhghar (5); a nis uime sin gràdhaichidh m’fhear mi. 33 Agus dh’fhàs i torrach a rìs, agus rug i mac, agus thubhairt i, A chionn gu’n cuala ’n Tighearna gu’n robh mi air m’fhuathachadh, uime sin thug e dhomh am mac so cuideachd: agus thug i Simeon mar ainm air. 34 Agus dh’fhàs i torrach a rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A nis anns an uair so dlù’-leanaidh m’fhear rium, do bhrì’ gu’n d’rug mi dha triuir mhac: uime sin thug i Lebhi mar ainm air. 35 Agus dh’fhàs i torrach a rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A nis molaidh mi’n Tighearna: uime sin thug i Iudah mar ainm air. Agus sguir i bhreith cloinne. CAIB. XXX. AGUS ’nuair a chunnaic Rachel nach d’rug i clann do Iacob, bha farmad aig Rachel r’a piuthair, agus thubhairt (1) mar a’ choi’-lion latha. (2) ’nar n-àite-ne. (3) roimh’n cheud-ghin. (4) neo-thorrach. (5) mo thrioblaid, m’an-shocair. [TD 54] GENESIS. CAIB. XXX. i re Iacob, Thoir dhomh clann, no gheibh mi bàs. 2 Agus las corruich Iacoib re Rachel, agus thubhairt e, Am bheil mise ’n àite Dhé, a chum uait toradh na bronn? 3 Agus thubhairt i, Feuch, mo bhan-oglach Bilhah, theirig (1) a steach d’a h-ionnsuidh, agus beiridh si air mo ghlùinibh, agus bithidh agam-sa mar an ceudna clann d’a trìd-sa. 4 Agus thug i dha Bilhah a ban-oglach mar mhnaoi; agus chaidh Iacob a steach d’a h-ionnsuidh. 5 Agus dh’fhàs Bilhah torrach, agus rug i mac do Iacob. 6 Agus thubhairt Rachel, Thug Dia breth orm, agus dh’éisd e mar an ceudna re m’ ghuth, agus thug e dhomh mac: uime sin thug i Dan mar ainm air. 7 Agus dh’fhàs Bilhah ban-oglach Racheil torrach a rìs, agus rug i do Iacob an dara mac (2). 8 Agus thubhairt Rachel, Le mòr ghleachda ghleachd mi re m’ phiuthair, agus thug mi buaidh: agus thug i Naphtali mar ainm air. 9 ’Nuair a chunnaic Leah gu’n do sguir i bhreith cloinne, ghabh i Silpah a ban-oglach, agus thug i do Iacob mar mhnaoi i. 10 Agus rug Silpah ban-oglach Leah mac do Iacob. 11 Agus thubhairt Leah, Tha sonas (3) air teachd: agus thug i Gad mar ainm air. 12 Agus rug Silpah, ban-oglach Leah, an dara mac do Iacob. 13 Agus thubhairt Leah, Is sona mi, oir goiridh na nigheana mise beannaichte: agus thug i Aser mar ainm air. 14 Agus chaidh Reuben a mach ann an laithibh fogharaidh a’chruithneachd, agus fhuair e mandraga (4) ’sa’ mhachair, agus thug e iad a chum a mhàthar Leah. ’An sin thubhairt Rachel re Leah, Thoir dhomh, guidheam ort, cuid do mhandragaibh do mhic. 15 Agus thubhairt i ria, Am beag a’chùis gu’n d’thug thu m’fhear uam, agus am b’àill leat mandraga mo mhic a thoirt leat mar an ceudna? Agus thubhairt Rachel, Uime sin luidhidh e leats’ an nochd air son mandraga do mhic. 16 Agus thàinig Iacob o’n mhachair ’san fheasgar, agus chaidh Leah mach ’na choinneamh, agus thubhairt i, Thig thu steach a m’ ionnsuidhs’, oir gu deimhin cheannaich (5) mi thu le mandragaibh mo mhic: Agus luidh e leatha air an oidhche sin. 17 Agus dh’éisd Dia re Leah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i do Iacob an cùigeadh mac. 18 Agus thubhairt Leah, Thug Dia dhomh mo dhuais, a chionn gu’n d’thug mi mo bhan-oglach do m’fhear: agus thug i Isachar mar ainm air. 19 Agus dh’fhàs Leah torrach a rìs, agus rug i do Iacob an seathadh mac. 20 Agus thubhairt Leah, (1) rach, gabh. (2) mac eile. (3) buidheann, cuideachd. (4) ùbhla beaga cùbhraidh agus blasda bha fàs ann an Siria agus Iudea. (5) thuarasdaluich. [TD 55] GENESIS. CAIB. XXX. Dheònaich Dia dhomh deagh chuibhrionn (1): a nis gabhaidh m’fhear còmhnuidh maille rium, a chionn gu’n d’rug mi dha sèathnar mhac; agus thug i Sebulun mar ainm air. 21 Agus ’na dhéigh sin rug i nighean, agus thug i Dinah mar ainm oirre. 22 Agus chuimhnich Dia air Rachel, agus dh’éisd Dia ria, agus dh’fhosgail e a bolg. 23 Agus dh’fhàs i torrach agus rug i mac; agus thubhairt i, Thug Dia air falbh mo mhi-chliu. 24. Agus thug i Ioseph mar ainm air, ag ràdh, Bheir an Tighearna dhomh fathast mac eile. 25 Agus ’nuair a rug Rachel Ioseph, ’an sin thubhairt Iacob re Laban, Leig air falbh mi, chum gu’n d’théid mi do m’ àite, agus do m’dhùthaich féin. 26 Thoir dhomh mo mhnài, agus mo chlann, air son an d’rinn mi seirbhis duit, agus gu’m falbh mi: oir is aithne dhuit mo sheirbhis a rinn mi dhuit. 27 Agus thubhairt Laban ris, Guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean a’d’ shùilibh, fuirich: oir dh’fhòghluim mi o m’ fhiosrachadh féin gu’n do bheannaich an Tighearna mi air do sgàth-sa. 28 Agus thubhairt e, Ainmich do thuarasdal dhomh, agus bheir mi dhuit e. 29 Agus thubhairt e ris, Tha fios agad cionnus a rinn mi seirbhis dhuit, agus cionnus a bha do spréidh agam: 30 Oir is beag a bh’agad mun d’ thàinig mi, agus a nis tha e air fàs ’na mhòran; agus bheannaich Dia thu ’an lorg mo theachdsa: agus a nis c’uin a ni mi mar an ceudna air son mo thighe féin? 31 Agus thubhairt e, Ciod a bheir mi dhuit? Agus thubhairt Iacob, Cha d’thoir thu ni sam bith dhomh: ma ni thu’n ni so rium, ionaltraidh mi rìs, agus gleidhidh mi do threud. 32 Théid mise tre do threud uile ’n diugh, ag atharrachadh as sin gach spréidh a ta breac agus ballach, agus gach spréidh a ta dubh-dhonn a’ measg nan caorach, agus ballach agus breac a’ measg nan gabhar: agus ’se so mo thuarasdal. 33 Agus freagraidh air mo shonsa m’ionracas ’san àm re teachd (2), ’nuair a thig e mar mo thuarasdal (3) a’d’ làthairsa: gach aon nach bi breac agus ballach a’ measg nan gabhar, agus dubhdhonn a’ measg nan caorach, measar e mar ni bradach agam-sa. 34 Agus thubhairt Laban, Feuch, b’fhearr leam gu’m bitheadh e réir t’fhocail. 35 Agus dh’atharraich e air an là sin féin na gabhair fhirionn a bha stiallach agus ballach, agus na gabhair bhainionn uile a bha breac agus ballach, agus gach aon air an robh gile, agus gach aon a bha dubh-dhonn (4) a’ measg nan caorach, agus thug e iad do làmhan a mhac. 36 Agus chuir e astar thri lathan eadar e féin agus Iacob: agus bheathaich (5) Iacob a’chuid eile do threudaibh Labain. (1) Dheònaich Dia dhomh asaid shona. (2) air an là màireach, Eabh. (3) ’nuair a thig thu air mo thuarasdal. (4) ciar. (5) dh’ionaltair. [TD 56] GENESIS. CAIB. XXXI. 37 Agus ghabh Iacob dha féin slatan glasa do’n chritheach, agus do’n challdainn, agus do chraoibh nan geanm-chnù; agus rùisg e annta stialla geala, agus leig e ris an geal a bha ’sna slataibh. 38 Agus chuir e na slatan a rùisg e anns na claisibh, anns na h-amair uisge far (1) an d’thàinig na treudan a dh’òl, fa chomhair nan treud, chum as gu’m fàsadh iad torrach ’nuair a thigeadh iad a dh’òl. 39 Agus dh’fhàs na treudan torrach fa chomhair nan slat, agus rug iad spréidh stiallach, bhreac agus bhallach. 40 Agus thearbaidh Iacob na h-uain, agus chuir e aghaidh nan treud riusan a bha stiallach, agus gach beathach a bha dubh-dhonn ann an treudaibh Labain, agus chuir e threudan féin air leth, agus cha do chuir e iad làimh re treudaibh Labain. 41 Agus ge b’e uair a dh’fhàs an spréidh bu treise torrach, chuir Iacob na slata fa chomhair sùl na spréidh anns na claisibh, chum gu’m fàsadh iad torrach a réir nan slat (2). 42 Ach ’nuair a bha’n spréidh anfhann, cha do chuir e ann iad: mar sin bu le Laban iadsan a b’anfhainne, agus le Iacob iadsan bu treise. 43 Agus dh’fhàs an duine ro-shaibhir; agus bha mòran spréidh aige, agus ban-oglaich, agus òglaich, agus càmhail, agus asail. CAIB. XXXI. AGUS chual’ e briathra mhac Labain, ag ràdh, Thug Iacob leis gach ni bh’ aig ar n-athair, agus o’n ni sin bu le ar n-athairne fhuair e dha féin a’mhòrachd so uile. 2 Agus chunnaic Iacob gnùis Labain, agus feuch, cha robh i leis mar a bha i roimhe sin (3). 3 Agus thubhairt an Tighearna re Iacob, Pill gu dùthaich t’athracha, agus a dh’ionnsuidh do dhilsean, agus bithidh mise maille riut. 4 Agus chuir Iacob teachdaire uaith agus ghairm e Rachel agus Leah do’n mhachair a dh’ionnsuidh a threud. 5 Agus thubhairt e riu, Tha mi faicinn gnùis bhur n-athar, nach ’eil i leam mar a bha i roimhe: ach bha Dia m’athar maille rium-sa. 6 Agus tha fios agaibh féin le m’uile dhìchioll gu’n d’rinn mi seirbhis d’ar n-athair. 7 Gidheadh mheall bhur n-athair mi, agus mhùth (4) e mo thuarasdal deich uairean: ach cha do leig Dia leis cron a dheanamh orm. 8 Ma thubhairt e mar so, Bithidh an spréidh bhreac ’nan tuarasdal agad, ’an sin rug an spréidh uile àl breac: agus ma thubhairt e mar so, Bithidh an spréidh stiallach ’nan tuarasdal agad, ’an sin rug an spréidh uile àl stiallach. 9 Mar so thug Dia air falbh spréidh bhur n-athar, agus thug e dhomhs’ iad. 10 Agus ’nuair a dh’fhàs an spréidh torrach, thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi ann an aisling, agus feuch, bha na reithean, a bha reitheadh na spréidhe (5), stiallach, breac agus grìs-fhionn. (1) ’nuair a thàinig. (2) am measg nan slat. (3) ’n dé ’s air a bhò ’n dé. Eabh. (4) dh’atharraich. (5) leum air an spréidh. [TD 57] GENESIS. CAIB. XXXI. 11 Agus thubhairt aingeal an Tighearna rium ann an aisling, A Iacoib: agus thubhairt mise, Tha mi ’n so. 12 Agus thubhairt esan, Tog suas a nis do shùilean, agus faic na reithean uile, tha reitheadh na spréidhe gu bheil iad stiallach, breac agus grìs-fhionn; oir chunnaic mise gach ni a rinn Laban ort. 13 ’S mise Dia Bheteil, far an d’ung thu ’n carragh, far an do bhòidich thu dhomh-sa bòid: a nis éirich, imich a mach as an tìr so, agus pill gu tìr do dhilsean. 14 Agus fhreagair Rachel agus Leah, agus thubhairt iad ris, Am bheil fathast cuibhrionn no oighreachd air bith againne ann an tigh ar n-athar? 15 Nach ’eil sinn air ar meas leis mar choigrich? oir reic e sinn, agus struidh e mar an ceudna gu tur ar n-airgiod: 16 Oir an saibhreas sin uile a thug Dia o’r n-athair, ’s leinn féin, agus le’r cloinn e: nis uime sin gach ni thubhairt Dia riutsa, dean e. 17 ’An sin dh’éirich Iacob suas agus chuir e mhic agus a mhnài air càmhalaibh. 18 Agus thug e leis a spréidh uile, agus a mhaoin uile a fhuair e, spréidh a chosnaidh, a fhuair e ’m Padan-aram, gu dol a dh’ionnsuidh Isaaic athar gu tìr Chanaain. 19 Agus chaidh Laban a lomairt (1) a chaorach; agus ghoid Rachel na dealbhan (2) bu le h-athair. 20 Agus ghoid Iacob air falbh gun fhios do Laban an Sirianach, a chionn nach d’innis e dha gu’n robh e gu teicheadh. 21 Agus theich e leis gach ni bh’aige; agus dh’éirich e suas, agus chaidh e thar an abhainn, agus chuir e aghaidh re sliabh Ghilead. 22 Agus dh’innseadh do Laban air an treas là gu’n do theich Iacob. 23 Agus thug e bhràithre leis, agus lean se e astar sheachd laithean, agus rug e air ann an sliabh Ghilead. 24 Agus thàinig Dia gu Laban an Sirianach ann an aisling ’san oidhche, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair i thu re Iacob aon chuid math no olc. 25 ’An sin rug Laban air Iacob. A nis shuidhich Iacob a bhùth ’san t-sliabh, agus shuidhich Laban maille r’a bhràithribh ann an sliabh Ghilead. 26 Agus thubhairt Laban re Iacob, Ciod so rinn thu, gu’n do ghoid thu air falbh gun fhios domh, agus gu’n d’thug thu leat mo nigheana, mar bhraighdean (3) a thugadh a mach leis a’chloidheamh? 27 C’ar son a theich thu air falbh gu h-uaigneach, agus a ghoid thu uam, agus nach d’innis thu dhomh, agus gu’n cuirinn air falbh thu le subhachas, agus le h-òranaibh, le tiompan, agus le clàrsaich? 28 Agus nach do leig leam mo mhic agus mo nigheana a phògadh? a nis is amaideach a fhuara tu le so a dheanamh. 29 Tha e ’n comas mo làimh-sa sa cron a dheanamh ort: ach (1) a rùsgadh. (2) ìomhaighean. (3) chiomaich. [TD 58] GENESIS. CAIB. XXXI. labhair Dia t’athar rium an reidhr, ag ràdh, Thoir an aire, nach labhair thu re Iacob aon chuid math no olc. 30 Agus a nis, ge do b’éigin duit falbh, a chionn gu’n robh thu gu ro mhòr ’an geall air tigh t’athar, gidheadh c’ar son a ghoid thu mo dhée? 31 Agus fhreagair Iacob, agus thubhairt e re Laban, A chionn gu’n robh eagal orm: oir thubhairt mi, Theagamh gu’n d’thugadh tu uam do nigheana le h-ainneart. 32 Ge b’e neach aig am faigh thu do dhée, na maireadh e beo: ’an làthair ar bràithre faic ciod a th’ agam a bhuineas duit agus gabh thugad (1) e: oir cha robh fhios aig Iacob gu’n do ghoid Rachel iad. 33 Agus chaidh Laban a steach do bhùth Iacoib, agus do bhùth Leah, agus do bhùth an dà bhan-oglaich; ach cha d’fhuair e iad. ’An sin chaidh e mach a bùth Leah, agus chaidh e steach do bhùth Racheil. 34 A nis ghoid Rachel na dealbhan, agus chuir i iad ann an acfuinn (2) a’ chàmhail, agus shuidh i orra: agus rannsaich Laban am bùth uile, ach cha d’fhuair e iad. 35 Agus thubhairt i r’a h-athair, Na cuireadh e corruich air mo thighearna nach urradh mi éirigh suas a’t’ fhianais, oir tha orm a réir gnàth nam ban: agus rannsaich e, ach cha d’fhuair e na dealbhan. 36 Agus bha fearg air Iacob, agus throid e re Laban: agus fhreagair Iacob, agus thubhairt e re Laban, Ciod i mo choire, agus ciod e mo pheacadh, gu’n robh thu co-dian air mo thòir. 37 ’An déigh dhuit m’airneis uile a rannsachadh, ciod a fhuair thu dh’uile airneis do thighe? cuir ’an so e ’n làthair mo bhràithre-sa agus do bhràithre féin, agus gu’n d’thoir iad breth eadaruinn ’nar dithis. 38 A nis fichead bliadhna bha mi maille riut; cha do thilg do chaoraich an uain, no do ghabhair am minn, agus reitheachan do threud cha d’ith mi. 39 An ni sin a reubadh le fiadh-bheathaichibh cha d’thug mi a’t’ ionnsuidh; ghiùlain mi féin a chall: o m’ làimh-sa dh’iarr thu e, co ac’ a ghoideadh e ’san latha, no ghoideadh e ’san oidhche. 40 Mar so bha mi, ’san là chlaoidh an teas mi, agus an reotha ’san oidhche; agus dhealaich mo chodal re m’ shùilibh. 41 Mar so bha mi fichead bliadhna a’d’ thigh; ceithir bliadhna deug rinn mi seirbhis duit air son do dhithis nigheana, agus sè bliadhna air son do spréidhe: agus mhùth thu mo thuarasdal deich uairean. 42 Mur bhitheadh gu’n robh Dia m’athar, Dia Abrahaim, agus eagal Isaaic maille rium, gu cinnteach chuireadh tu nis air falbh mi falamh: chunnaic Dia m’àmhghar agus saothair mo làmh, agus chronaich e thu ’n reidhr. 43 Agus fhreagair Laban, agus thubhairt e re Iacob, Na h-ingheana so ’s iad mo nigheana-sa iad, agus a’ chlann so mo chlann-sa, agus an spréidh so (1) chugad. (2) fasair, uigheam. [TD 59] GENESIS. CAIB. XXXII. mo spréidh-sa, agus gach ni tha thu faicinn is leamsa e: agus ciod a dh’fheudas mi dheanamh an diugh re m’nigheanaibh so, no r’an cloinn a rug iad? 44 A nis uime sin thig-sa, deanamaid coi’-cheangal, mise agus thusa; agus bitheadh e mar fhianuis eadar mise agus thusa. 45 Agus ghabh Iacob clach, agus chuir e suas i mar charragh. 46 Agus thubhairt Iacob r’a bhràithribh, Cruinnichibh clachan; agus ghabh iad clachan, agus rinn iad carn, agus dh’ith iad ’an sin air a’ charn. 47 Agus thug Laban mar ainm air Iegar-Sahaduta: ach thug Iacob mar ainm air Galeed. 48 Agus thubhairt Laban, Tha ’n carn so ’na fhianuis eadar mise agus thusa ’n diugh. Uime sin thugadh Galeed mar ainm air: 49 Agus Midspah; oir thubhairt e, Deanadh an Tighearna faire eadar mise agus thusa, ’nuair a bhitheas sinn as làthair a chéile. 50 Ma bhuineas tu gu cruaidh re m’ nigheanaibh, no ma ghabhas tu mnài eile thuilleadh air mo nigheana-sa, cha’n ’eil duine sam bith maille ruinn; feuch, tha Dia ’na fhianuis eadar mis’ agus thusa. 51 Agus thubhairt Laban re Iacob, Faic an carn so, agus faic an carragh so, a shuidhich mi eadar mis’ agus thusa. 52 Bitheadh an carn so ’na fhianuis, agus bitheadh an carragh so ’na fhianuis, nach d’théid mise a t’ionnsuidh-sa thar a’ charn so, agus nach d’thig thus’ a m’ ionnsuidh-sa thar a’ charn so, agus a’ charragh so, gu cron. 53 Gu’n d’thugadh Dia Abrahaim, agus Dia Nahoir, Dia an athar, breth eadaruinn. Agus mhionnaich Iacob air eagal athar Isaaic. 54 ’An sin thug Iacob suas ìobairtean ’san t-sliabh, agus ghairm e air a bhràithribh a dh’itheadh arain: agus dh’ith iad aran, agus dh’fhan iad rè na h-oidhche ’san t-sliabh. 55 Agus dh’éirich Laban suas moch ’sa’ mhadainn, agus phog e mhic agus a nigheana, agus bheannaich e iad, agus dh’fhalbh e: agus phill Laban g’a àite féin. CAIB. XXXII. AGUS dh’imich Iacob air a shlighe, agus choinnich aingil Dhé e. 2 Agus thubhairt Iacob, ’nuair a chunnaic e iad, ’Se so feachd Dhé: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin. 3 Agus chuir Iacob teachdairean roimhe gu h-Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, dùthaich Edoim. 4 Agus dh’àithn e dhoibh, ag ràdh, Mar so their sibh re m’ thighearn Esau, Mar so thubhairt do sheirbhiseach Iacob, Bha mi air chuairt maille re Laban, agus dh’fhan mi maille ris gus a nis. 5 Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus ban-oglaich: agus chuir mi dh’innseadh do m’ thighearna, chum gu’m faighinn deagh-ghean a’d’ shùilibh. 6 Agus phill na teachdairean [TD 60] GENESIS. CAIB. XXXII. gu Iacob, ag ràdh, Thàinig sinn a dh’ionnsuidh do bhràthar Esau, agus mar an ceudna tha e teachd a’d’ chòdhail, agus ceithir cheud fear maille ris. 7 Agus bha Iacob fa eagal mòr, agus ann an airc; agus roinn e’n sluagh a bha maille ris, agus na treudan, agus ’an crodh, agus na càmhail ’nan dà bhuidhinn; 8 Agus thubhairt e, Ma thig Esau gu h-aon do na buidhnibh, agus gu’m buail e i, ’an sin théid a’ bhuidheann a dh’fhanas as uaith. 9 Agus thubhairt Iacob, O Dhé m’athar Abrahaim, agus a Dhé m’athar Isaaic, a Thighearn a thubhairt rium, Pill gu d’dhùthaich, agus gu d’ dhilsean, agus ni mi math dhuit: 10 Cha ’n airidh mi air a’ chuid a’s lugha do na tròcairibh sin uile, no do’n fhìrinn sin uile, a nochd thu do d’sheirbhiseach; oir le m’ luirg thàinig mi thar an Iordan so, agus tha mi nis a’m’ dhà bhuidhinn. 11 Saor mi, guidheam ort, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gu’n d’thig e, agus gu’m buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn. 12 Agus thubhairt thu, Gu cinnteach ni mi math dhuit, agus ni mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach feudar àireamh a thaobh lìonmhoireachd. 13 Agus dh’fhan e ’n sin ’san oidhche sin féin, agus ghabh e do na thàinig g’a làimh tiodhlac air son Esau a bhràthar; 14 Dà cheud gabhar agus fichead boc, dà cheud caora agus fichead reithe; 15 Deich càmhail fhichead bhainne le ’n searraich, dà fhichead bò agus deich tairbh, fichead asal bhainionn agus deich searraich. 16 Agus thug e iad do làimh a sheirbhiseach, gach iomain leatha féin; agus thubhairt e r’a sheirbhisich, Imichibh romham, agus cuiribh dealachadh eadar iomain agus iomain. 17 Agus dh’àithn e dha-san a bh’air thoiseach, ag ràdh, ’Nuair a choinnicheas mo bhràthair Esau thu, agus a dh’fheòraicheas e dhiot, ag ràdh, Co leis thu, agus c’àite tha thu dol, agus co leis iad sin a tha romhad? 18 ’An sin their thusa, Buinidh iad do d’sheirbhiseach Iacob; is tiodhlac a th’ann, a chuireadh a dh’ionnsuidh mo thighearn Esau: agus feuch, mar an ceudna tha e féin ’nar déigh. 19 Agus dh’àithn e mar sin do’n dara seirbhiseach, agus do’n treas, agus dhoibhsan uile bha leantuinn nan iomaine, ag ràdh, Air an dòigh so labhraidh sibh re h-Esau, ’nuair a gheibh sibh e. 20 Agus their sibh cuideachd, Feuch, Tha do sheirbhiseach Iacob ’nar déigh-ne: oir thubhairt e, Ni mi réidh (1) e leis an tiodhlac a théid romham, agus ’an déigh sin chi mi ghnùis; theagamh gu’n gabh e rium. 21 Mar sin chaidh an tiodhlac thairis roimhe: agus dh’fhan e féin an oidhche sin ’sa’ chuideachd. (1) ciuin. [TD 61] GENESIS. CAIB. XXXIII. 22 Agus dh’éirich e suas ’san oidhche sin, agus ghabh e dhà mhnaoi, agus a dhà bhan-oglaich, agus aon mhac deug, agus chaidh e thairis air àth Iaboic. 23 Agus ghabh e iad, agus chuir e thairis air an t-sruth iad, agus chuir e thairis na bh’aige. 24 Agus dh’fhan Iacob ’na aonar; agus ghleachd duine ris, gu nuig briseadh na fàire. 25 Agus ’nuair a chunnaic e nach do bhuadhaich e air, ’an sin bhean e re lag a shléisde; agus chaidh lag sléisde Iacoib as an alt ’nuair a bha e gleachdadh (1) ris. 26 Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, oir tha’n fhàir a’ briseadh: agus thubhairt esan, Cha leig mi air falbh thu mur beannaich thu mi. 27 Agus thubhairt e ris, Ciod a’s ainm dhuit? agus thubhairt e, Iacob. 28 Agus thubhairt esan, Cha ghoirear (2) Iacob ni’s mò riut mar ainm ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran re Dia, agus re daoine, agus thug thu buaidh. 29 Agus dh’fhiosraich Iacob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, t’ainm: agus thubhairt esan, C’ar son a tha thu farraid m’ainme. Agus bheannaich e ’n sin e. 30 Agus thug Iacob Peniel mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh re h-aghaidh, agus thearnadh m’ anam. 31 Agus dh’éirich a’ ghrian air, ’nuair a chaidh e seach Penuel, agus bha e bacach air a shliasaid. 32 Uime sin cha’n ith clann Israeil do’n fhéith a chrup, a ta air lag na sléisde, gus an là’n diugh: a chionn gu’n do bhean e re lag sléisde Iacoib ’san fhéith a chrup. CAIB. XXXIII. AGUS thog Iacob suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus feuch, bha Esau teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e a’ chlann do Leah, agus do Rachel, agus do’n dà bhan-oglaich. 2 Agus chuir e na ban-oglaich agus an clann air thoiseach, agus Leah agus a clann ’nan déigh, agus Rachel agus Ioseph air dheireadh. 3 Agus chaidh e féin air aghaidh rompa, agus chrom se e féin gu làr seachd uaire, gus an d’thàinig e dlùth d’a bhràthair. 4 Agus ruith Esau ’na choinneamh, agus ghabh e ’na ghlacaibh e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg se e: agus ghuil iad. 5 Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnài agus a’ chlann; agus thubhairt e, Co iad sin a ta maille riut? agus thubhairt esan, A’ chlann a thug Dia gu gràsmhor do d’ sheirbhiseach. 6 ’An sin thàinig na ban-oglaich am fagus, iad féin agus an clann, agus chrom siad iad féin. 7 Agus thàinig Leah cuideachd am fagus maille r’a cloinn, agus chrom siad iad féin; agus ’an déigh sin thàinig Ioseph am fagus agus Rachel, agus chrom siad iad féin. (1) ag spairn. (2) cha’n abrar. [TD 62] GENESIS. CAIB. XXXIV. 8 Agus thubhairt e, Ciod a’s ciall duit leis an iomain so uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh-ghean fhaghail ann an sùilibh mo thighearna. 9 Agus thubhairt Esau, Tha agamsa pailteas, a bhràthair; gléidh dhuit féin na bheil agad. 10 Agus thubhairt Iacob, Ni h-eadh, guidheam ort, ma fhuair mi nis deagh-ghean a’d’ shuilibh, ’an sin gabh mo thiodhlac o m’ làimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gu’m faicinn gnùis Dé, agus thaitinn mi riut. 11 Gabh, guidheam ort, mo bheannachadh a thugadh a d’ ionnsuidh, do bhrìgh gu’n do bhuin Dia gu toirbheartach rium, agus gu bheil agam mòr phailteas: agus rinn e ro-earail air, agus ghabh se e. 12 Agus thubhairt e, Gabhamaid ar turus, agus biomaid ag imeachd, agus théid mise maille riut (1). 13 Agus thubhairt e ris, Tha fios aig mo thighearna gu bheil a’ chlann maoth, agus na treudan agus an fheudail a ta maille rium, trom le h àl; agus ma dh’iomainear iad gu dian aon latha, gheibh an treud uile bàs. 14 Rachadh, guidheam ort, mo thighearna seachad roimh a sheirbhiseach: agus gabhaidh mise an t-slighe gu socrach, a réir mar a bhios an spréidh a ta romham, agus a’ chlann, comasach air fhulang, gus an d’thig mi dh’ionnsuidh mo thighearna gu Seir. 15 Agus thubhairt Esau, Leig leam a nis cuid do’n mhuinntir a ta maille rium fhàgail mar-riut (2): Agus thubhairt esan, C’ar son sin? faigheam-sa deagh-ghean ’an sùilibh mo thighearna. 16 Mar sin phill Esau ’san là sin féin air a shlighe gu Seir. 17 Agus dh’imich Iacob gu Sucot, agus thog e dha féin tigh, agus rinn e bothain d’a spréidh: air an aobhar sin thugadh Sucot mar ainm air an àite. 18 Agus thàinig Iacob do Shalem, baile Shecheim a ta ann an tìr Chanaain, ’nuair a thàinig e o Phadan-aram; agus shuidhich e bhùth fa chomhair a’ bhaile. 19 Agus cheannaich e mìr fearainn, far an do shuidhich (3) e a bhùth, o làimh chloinne Hamoir athar Shecheim, air cheud bonn airgid (4). 20 Agus chuir e suas altair ’an sin, agus thug e El-Elohe-Israel mar ainm oirre. CAIB. XXXIV. AGUS chaidh Dinah nighean Leah, a rug i do Iacob, a mach a dh’fhaicinn nigheana na tìre. 2 Agus ’nuair a chunnaic Sechem mac Hamoir an Ibhich, uachdaran na tìre i, ghabh e i, agus luidh e leatha, agus thruaill e i (5). 3 Agus dhlù-lean anam re Dinah nighean Iacoib, agus ghràdhaich e a’ ghruagach (6), agus labhair e gu caomh ris a’ ghruagaich. 4 Agus labhair Sechem re Hamor athair, ag ràdh, Faigh dhomhs’ a’ ghruagach so mar mhnaoi. (1) romhad. (2) maille riut, agad. (3) sgaoil. (4) cheud uan. (5) dh’ìslich se i. (6) an nigheanag. [TD 63] GENESIS. CAIB. XXXIV. 5 Agus chuala Iacob gu’n do thruaill e Dinah a nighean, (Nis bha mhic maille r’a spréidh ’sa’ mhachair) agus bha Iacob ’na thosd gus an d’thàinig iad. 6 Agus chaidh Hamor athair Shecheim a mach a dh’ionnsuidh Iacoib, a labhairt ris. 7 Agus thàinig mic Iacoib o’n mhachair ’nuair a chual’ iad e, agus bha na daoine doilich, agus bha fearg mhòr orra; chionn gu’n d’rinn e amaideachd ann an Israel, ann an luidhe le nighean Iacoib, ni nach bu chòir a dheanamh. 8 Agus labhair Hamor riu, ag ràdh, Tha anam mo mhic Shecheim ’an ro-gheall air bhur nighinn: thugaibh i, guidheam oirbh, dha mar mhnaoi. 9 Agus deanaibh ceanglaiche-pòsaidh (1) ruinne; bhur nigheana-sa thugaibh dhuinne, agus ar nigheana-ne gabhaidh sibh dhuibhsa. 10 Agus maille ruinne gabhaidh sibh còmhnuidh: agus bithidh an tìr romhaibh; gabhaibh còmhnuidh, agus deanaibh reic agus ceannachd innte, agus faighibh sealbh innte. 11 Agus thubhairt Sechem r’a h-athair, agus r’a bràithribh, Faigheam deagh-ghean ’nar sùilibh; agus ge b’e ni a their sibh rium, bheir mi dhuibh. 12 Air mheud ’s gu’n dean sibh an dubharaidh (2) orm, agus tiodhlac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium: a mhàin thugaibh dhomh a’ ghruagach mar mhnaoi. 13 Agus fhreagair mic Iacoib Sechem agus Hamor athair le ceilg, agus labhair iad (a chionn gu’n do thruaill e Dinah am piuthar) 14 Agus thubhairt iad riu, Cha ’n fheud sinne an ni so dheanamh, ar piuthar a thoirt do dhuine neo-thimchioll-ghearrt’: oir bhiodh sin ’na mhasladh dhuinne. 15 Ach ’an so aontaichidh sinn leibh; ma bhios sibhse mar a ta sinne, gu’n timchioll-ghearrar gach firionnach ’nar measg; 16 ’An sin bheir sinne ar nigheana dhuibhsa, agus bhur nigheana-sa gabhaidh sinn dhuinne, agus gabhaidh sinn còmhnuidh maille ribh, agus bithidh sinn ’nar n-aon sluagh. 17 Ach mur éisd sibh ruinne, sibh a bhi air bhur timchioll-ghearradh; ’an sin gabhaidh sinne ar nighean, agus falbhaidh sinn. 18 Agus thaitinn am briathra re Hamor, agus re Sechem mac Hamoir. 19 Agus cha do chuir an t-òganach dàil anns an ni a dheanamh, a chionn gu’n robh tlachd aige ann an nighinn Iacoib: agus bha e ni b’urramaiche na tigh athar uile. 20 Agus thàinig Hamor, agus Sechem a mhac gu geatadh am baile, agus labhair iad re daoinibh am baile, ag ràdh, 21 Tha na daoine so sìochail maille ruinn, air an aobhar sin gabhadh iad còmhnuidh ’san tìr, agus deanadh iad reic agus ceannachd innte; thaobh an fhearain, feuch, tha e farsaing ni’s leòr dhoibh: an nigheana-sa gabhaidh sinne dhuinne mar mhnài, agus ar nigheana-ne bheir sinne dhoibhsan. (1) cleamhnas. (2) dowry. Sasg. [TD 64] GENESIS. CAIB. XXXV. 22 A mhàin anns an ni so aontaichidh na daoine leinn, gu còmhnuidh ghabhail maille ruinn, gu bhi ’nar n-aon sluagh, ma thimchioll-ghearrar gach firionnach againne, mar a ta iadsan air an timchioll-ghearradh. 23 Nach leinne an spréidh, agus am maoin, agus an ainmhidhean uile? a mhàin aontaicheamaid leo, agus gabhaidh iad còmhnuidh maille ruinn. 24 Agus dh’éisd gach neach a chaidh mach air geatadh a bhaile re Hamor, agus re Sechem a mhac: agus thimchioll-ghearradh gach firionnach, iadsan uil’ a chaidh mach air geatadh a bhaile. 25 Agus air an treas là, ’nuair a bha iad air an cràdh, ’an sin ghabh dithis do mhic Iacoib, Simeon agus Lebhi, bràithre Dhinah, gach fear ac’ a chloidheamh, agus thàinig iad air a’ bhaile gu dàna; agus mharbh iad gach firionnach. 26 Agus mharbh iad Hamor agus Sechem a mhac le faobhar a’ chloidheimh, agus thug iad Dinah a tigh Shecheim, agus chaidh iad a mach. 27 Thàinig mic Iacoib air na mairbh, agus chreach iad am baile, a chionn gu’n do thruaill iad am piuthar. 28 An caoraich, agus am buar, agus an asail, agus na bha ’sa’ bhaile, agus na bha ’san fhearann, thog iad: 29 Agus am maoin uile, agus an clann bheag uile, agus am mnài thug iad leo ’an daorsadh (1), agus thog iad ’sa’ chreich eadhon gach ni a bha stigh. 30 Agus thubhairt Iacob re Simeon agus re Lebhi, Chuir sibh trioblaid (2) orm le m’ dheanamh gràineil (3) a’ measg luchd-àiteachadh na tìre, a’ measg nan Canaanach, agus nam Peridseach: agus air dhomhsa bhi gann (4) ’an àireamh, cruinnichidh siad iad féin cuideachd a’ m’ aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as domh, agus do m’ thigh. 31 Agus thubhairt iad, Am bu chòir dha buntainn re ’r piuthair-ne mar re strìopaich? CAIB XXXV. AGUS thubhairt Dia re Iacob, Eirich, imich suas gu Betel, agus gabh còmhnuidh ’an sin; agus dean ’an sin altair do Dhia, a dh’fhoillsich e féin duit ’nuair a theich thu o ghnùis Esau do bhràthar. 2 Agus thubhairt Iacob r’a theaghlach, agus riu-san uile a bha maille ris, Cuiribh uaibh na dée coimheach a ta ’nar measg, agus bithibh glan, agus mùthaibh (5) bhur n-eudach: 3 Agus éireamaid, agus rachamaid suas gu Betel; agus ni mise ’n sin altair do Dhia, a dh’éisd rium ann an là mo chruaidh-chais, agus a bha maille rium ’san t-slighe air an deachaidh mi. 4 Agus thug iad do Iacob na dée coimheach uile a bha ’nan làimh, agus an cluas-fhàinnean, a bha ’nan cluasaibh; agus dh’fholaich Iacob iad fuidh’n daraig a bha làimh re Sechem. 5 Agus dh’imich iad: agus bha eagal (6) Dhé air na bail- (1) am braighdeanas. (2) aimlisg. (3) fuathach. (4) tearc, beag. (5) atharraichibh. (6) uamhann, oillt. [TD 65] GENESIS. CAIB. XXXV. tibh a bha m’an cuairt orra, agus cha d’rinn iad tòireachd air mic Iacoib. 6 Mar sin thàinig Iacob gu Luds a ta ’n tìr Chanaain, eadhon Betel, e féin agus an sluagh uile a bha maille ris. 7 Agus thog e ’n sin altair, agus thug e El-betel mar ainm air an àite: do bhrìgh ann an sin gu’n d’fhoillsich Dia e féin dha, ’nuair a theich e o ghnùis a bhràthar. 8 Ach fhuair Deborah banaltrum (1) Rebecah bàs, agus dh’adhlaiceadh i fuidh Bhetel, fuidh dharaig: agus thugadh Alonbacut mar ainm air. 9 Agus dh’fhoillsich Dia e féin do Iacob a rìs, ’nuair a thàinig e a Padan-aram; agus bheannaich se e. 10 Agus thubhairt Dia ris, ’Se Iacob a’s ainm dhuit: Cha’n ainmichear thu Iacob ni’s mò, ach ’se Israel a bhios ’na ainm ort; agus thug e Israel mar ainm air. 11 Agus thubhairt Dia ris, ’S mise Dia uile-chumhachdach, bi sìolmhar agus fàs lìonmhor; thig cinneach agus coi’-thional chinneach uait, agus thig righre mach a d’leasruidh. 12 Agus am fearann a thug mi dh’Abraham, agus a dh’Isaac, dhuitse bheir mi e; agus do d’ shliochd a’d’ dhéigh bheir mi am fearann. 13 Agus chaidh Dia suas uaith ’san àit’ an do labhair e ris. 14 Agus chuir Iacob suas carragh (2) ’san àit’ an do labhair e ris, carragh cloiche, agus dhòirt e tabhartas-dibhe air, agus dhòirt e oladh air. 15 Agus thug Iacob Betel mar ainm air an àite far an do labhair Dia ris. 16 Agus dh’imich iad o Bhetel, agus cha robh ach astar beag aca re teachd gu h-Ephrat: agus thàinig tinneas cloinne air Rachel, agus bha saothair chruaidh oirre. 17 Agus ’nuair a bha i ’n cruaidh shaothair, ’an sin thubhairt a’ bhean-ghlùine ria, Na biodh eagal ort, oir bithidh am mac so agad cuideachd. 18 Agus ’nuair a bha h-anam a’ dealachadh ria, oir fhuair i bàs, thug i Ben-oni mar ainm air: ach dh’ainmich athair e Beniamin. 19 Agus fhuair Rachel bàs, agus dh’adhlaiceadh i ’san t-slighe gu h-Ephrat, eadhon Betlehem. 20 Agus chuir Iacob suas carragh air a h-uaigh: ’se so carragh uaigh Racheil gus an là’n diugh. 21 Agus ghabh Israel a thurus, agus shuidhich e a bhùth an taobh thall do thùr Edeir. 22 Agus ’nuair a bha Israel a chòmhnuidh ’san tìr sin, chaidh Reuben, agus luidh e le Bilhah leannan (3) athar: agus chual’ Israel sin. A nis bha dà mhac deug aig Iacob. 23 Mic Lea; Reuben ceud-ghin Iacoib, agus Simeon, agus Lebhi, agus Iudah, agus Isachar, agus Sebulun. 24 Mic Racheil; Ioseph, agus Beniamin. 25 Agus mic Bhilhah, bhan-oglaich Racheil; Dan, agus Naphtali. 26 Agus mic Shilpah, bhan-oglaich Leah; Gad agus Aser. (1) muime. (2) pillar. Sasg. (3) coi’-leabach. [TD 66] GENESIS. CAIB. XXXVI. ’S iad sin mic Iacoib, a rugadh dha am Padan-aram. 27 Agus thàinig Iacob chum Isaaic athar do Mhamre, gu baile Arbah, eadhon Hebron, far an robh Abraham agus Isaac air chuairt. 28 Agus b’iad làithean Isaaic ceud bliadhna ’s ceithir fichead. 29 Agus thug Isaac suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e chum a mhuinntir féin, agus e ’na sheann-duine, agus làn do làithibh. Agus dh’adhlaic a mhic Esau agus Iacob e. CAIB. XXXVI. AGUS is iad sin ginealaich Esau, eadhon Edoim. 2 Ghabh Esau a mhnài do nigheanaibh Chanaain; Adah nighean Eloin an Hitich, agus Aholibamah nighean Anah, nighinn Shibeoin an Hibhich: 3 Agus Basemat nighean Ismaeil, piuthar Nebaiot. 4 Agus rug Adah do Esau, Eliphads, agus rug Basemat Reuel. 5 Agus rug Aholibamah Ieus, agus Iaalam, agus Corah: ’S iad sin mic Esau, a rugadh dha ann an tìr Chanaain. 6 Agus ghabh Esau a mhnài, agus a mhic, agus a nigheana, agus uile mhuinntir a thighe, agus a spréidh, agus ainmhidhean uile, agus a mhaoin uile, a fhuair e ann an tìr Chanaain; agus chaidh e do thìr eile o ghnùis a bhràthar Iacoib. 7 Oir bha ’n saibhreas ni bu mhò na gu’m feudadh iad còmhnuidh ghabhail cuideachd; agus cha b’urradh an tìr anns an robh iad ’nan coigrich an giùlan air son an spréidhe. 8 Mar so ghabh Esau còmhnuidh ann an sliabh Sheir: ’s e Esau Edom. 9 Agus ’s iad sin ginealaich Esau athar nan Edomach ann an sliabh Sheir. 10 ’S iad sin ainmeanna mhac Esau; Eliphads mac Adah mhnà Esau, Reuel mac Bhasemat mhnà Esau. 11 Agus b’iad mic Eliphads; Teman, Omar, Sepho, agus Gatam, agus Cenads. 12 Agus bha Timna ’na leannan aig Eliphads mac Esau; agus rug i do Eliphads Amalec: b’ iad sin mic Adah mhnà Esau. 13 Agus ’s iad sin mic Reueil; Nahat agus Serah, Samah agus Midsah: b’iad sin mic Bhasemait mhnà Esau. 14 Agus b’ iad sin mic Aholibamah, nighinn Anah, nighinn Shibeoin mhnà Esau: agus rug i do Esau Ieus, agus Iaalam, agus Corah. 15 B’iad sin cinn-fheadhna mhac Esau: mic Eliphads ceud-ghin Esau; ceann-feadhna Teman, ceann-feadhna Omar, ceann-feadhna Sepho, ceann-feadhna Cenads, 16 Ceann-feadhna Corah, ceann-feadhna Gatam, agus ceann-feadhna Amalec: ’s iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Eliphads, ann an tìr Edoim: b’iad sin mic Adah. 17 Agus ’s iad sin mic Reueil mhic Esau; ceann-feadhna Nahat, ceann-feadhna Serah, ceann-feadhna Samah, ceann-feadhna Midsah. ’S iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Reuel, ann [TD 67] GENESIS. CAIB. XXXVI. an tìr Edoim: ’s iad sin mic Bhasemait mhnà Esau. 18 Agus ’s iad sin mic Aholibamah mhnà Esau; ceann-feadhna Ieus, ceann-feadhna Iaalam, ceann-feadhna Corah: b’ iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Aholibamah nighinn Anah mhnà Esau. 19 ’S iad sin mic Esau, eadhon Edoim; agus ’s iad sin an cinn-fheadhna. 20 ’S iad sin mic Sheir an Horich, luchd-àiteachadh na tìre; Lotan, agus Sobal, agus Sibeon, agus Anah, 21 Agus Dison, agus Edser, agus Disan: ’s iad sin cinn-fheadhna nan Horach, cloinne Sheir, ann an tìr Edoim. 22 Agus b’ iad clann Lotain; Hori, agus Heman: agus b’i Timna piuthar Lotain. 23 Agus b’ iad sin clann Shobail; Albhan, agus Manahat, agus Ebal, Sepho, agus Onam. 24 Agus b’ iad sin clann Shibeoin; araon Aiah, agus Anah: b’ e so an t-Anah, a fhuair a mach na muileidean (1) ’san fhàsach, ’nuair a bha e ’g ionaltradh asal Shibeoin athar. 25 Agus b’iad sin clann Anah; Dison, agus Aholibamah nighean Anah. 26 Agus b’iad sin clann Dhisoin; Hemdan, agus Esban, agus Itran, agus Cheran. 27 B’ iad sin clann Eseir; Bilhan, agus Saabhan, agus Achan. 28 B’ iad sin clann Dhisain; Uds, agus Aran. 29 B’ iad sin cinn-fheadhna nan Horach; ceann-feadhna Lotan, ceann-feadhna Sobal, ceann-feadhna Sibeon, ceann-feadhna Anah, 30 Ceann-feadhna Dison, ceann-feadhna Eser, ceann-feadhna Disan: ’s iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Hori, am measg an ceann-fheadhna-san ann ’an tìr Sheir. 31 Agus ’s iad sin na righrean a rìoghaich ann an tìr Edoim, mun do rìoghaich righ ’sam bith air cloinn Israeil. 32 Agus rìoghaich ann an Edom Belah mac Bheoir; agus b’e ainm a bhaile Dinhabah. 33 Agus dh’eug Belah, agus rìoghaich ’na àite Iobab mac Sherah o Bhosrah. 34 Agus dh’eug Iobab, agus rìoghaich ’na àite Husam o thalamh Themani. 35 Agus dh’eug Husam, agus rìoghaich ’na àite Hadad mac Bhedaid, a bhuail Midian ’am fearann Mhoaib: agus b’e ainm a bhaile Abhit. 36 Agus dh’eug Hadad, agus rìoghaich ’na àite Samlah o Mhasrecah. 37 Agus dh’eug Samlah, agus rìoghaich ’na àite Saul o Rehobot, làimh ris an abhainn. 38 Agus dh’eug Saul, agus rìoghaich ’na àite Baal-hanan mac Achboir. 39 Agus dh’eug Baal-hanan mac Achboir, agus rìoghaich ’na àite Hadar: agus b’e ainm a bhaile Pau; agus ainm a mhnà Mehetabel, nighean Mhatreid, nighinn Mhedsahaib. 40 Agus ’s iad sin ainmeanna nan ceann-feadhna a thàinig o Esau, a réir an teaghlaichean, (1) mules. Sasg. (2) Cha’n abrar, cha chanar. [TD 68] GENESIS. CAIB. XXXVII. a réir an àiteacha, ’nan ainmibh; ceann-feadhna Timnah, ceann-feadhna Albhah, ceann-feadhna Ietet, 41 Ceann-feadhna Aholibamah, ceann-feadhna Elah, ceann-feadhna Pinon, 42 Ceann-feadhna Cenads, ceann-feadhna Teman, ceann-feadhna Mibsar, 43 Ceann-feadhna Magdiel, ceann-feadhna Iram: ’s iad sin cinn-fheadhna Edoim, a réir an àiteacha-còmhnuidh, ann an tìr an seilbh; ’s esan Esau, athair nan Edomach. CAIB. XXXVII. AGUS ghabh Iacob còmhnuidh ’san tìr anns an robh athair ’na choigreach, ann an tìr Chanaain. 2 ’S iad so ginealaich Iacoib: ’Nuair a bha Ioseph seachd bliadhna deug a dh’aois, bha e buachailleachd an treud maille r’a bhràithribh, agus bha ’n t-òganach maille re mic Bhilhah, agus maille re mic Shilpah, mnài athar; agus thug Ioseph an droch thuairesgeul-san a dh’ionnsuidh, athar. 3 Agus bu docha le h-Israel Ioseph na mhic uile, chionn gu’m b’e mac a shean-aois e: agus rinn e dha còta dh’iomadh dath (1). 4. Agus ’nuair a chunnaic a bhràithre gu’m bu docha le athair e na bhràithrean uile, dh’fhuathaich iad e, agus cha b’urradh iad labhairt ris gu sìochail. 5 Agus chunnaic Ioseph aisling (2), agus dh’innis e d’a bhràithribh i, agus dh’fhuathaich iad e fathast ni’s mò. 6 Agus thubhairt e riu, Eisdibh, guidheam oirbh, ris an aisling so a chunnaic mi: 7 Oir feuch, bha sinn a’ ceangal sguab ’san achadh, agus feuch, dh’éirich mo sguab-sa suas, agus sheas i gu dìreach; agus feuch, sheas bhur sguaba-sa m’an cuairt oirre, agus rinn iad ùmhlachd do m’ sguaib-sa. 8 Agus thubhairt a bhràithre ris, Am bi thusa gun amharus a’d’ righ oirne? am bi agad d’a rìreadh tighearnas oirne? Agus dh’fhuathaich iad e fathast ni’s mò air son aislingean, agus air son a bhriathra. 9 Agus chunnaic e fathast aisling eile, agus dh’innis e d’a bhràithribh i, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi aisling eile; agus feuch, rinn a’ ghrian agus a’ ghealach, agus an aon reul deug, ùmhlachd dhomhsa. 10 Agus dh’innis e d’a athair i, agus d’a bhràithribh: agus thug athair achmhasan da, agus thubhairt e ris, Ciod i an aisling so a chunnaic thu? An e gu’n d’thig d’a rìreadh mise agus do mhàthair agus do bhràithre, chum sinn féin a chromadh sìos duitse gu làr? 11 Agus bha farmad aig a bhràithribh ris: ach thug athair fa’near a’ chainnt. 12 Agus chaidh a bhràithrean a dh’ionaltradh treud an athar do Shechem. 13 Agus thubhairt Israel re Ioseph, Nach ’eil do bhràithrean ag ionaltradh, an treud ann an Sechem? Thig, agus cuiridh mi thu d’an ionnsuidh, agus thubhairt e ris, Tha mise ’n so. 14 Agus thubhairt e ris, (1) dh’iomad mìr. (2) bhruadair Ioseph bruadar. [TD 69] GENESIS. CAIB. XXXVII. Imich, guidheam ort, faic am bheil do bhràithrean gu math, agus am bheil an treud gu math; agus thoir fios a m’ ionnsuidhs’ a rìs. Mar sin chuir e mach e a gleann Hebroin, agus thàinig e gu Sechem. 15 Agus fhuair duin’ àraidh e, agus feuch, bha e air seacharan ’sa’ mhachair: agus dh’fheòraich an duine dheth, ag ràdh, Ciod a tha thu ’g iarraidh? 16 Agus thubhairt e, Tha mi ’g iarraidh mo bhràithre: innis dhomh, guidheam ort, c’àit’ am bheil iad ag ionaltradh an treuda. 17 Agus thubhairt an duine, Dh’fhalbh iad a so: oir chuala mi iad ag ràdh, Rachamaid gu Dotan. Agus chaidh Ioseph ’an déigh a bhràithrean, agus fhuair e iad ann an Dotan. 18 Agus ’nuair a chunnaic iad e fada uatha, eadhon mun d’thàinig e ’m fagus doibh, chuir iad an comhairle re chéile ’na aghaidh, gus a mharbhadh. 19 Agus thubhairt iad r’a chéile, Feuch, tha ’n t-aislingiche so a’ teachd. 20 Thigibh a nis ma ta, agus marbhamaid e, agus tilgeamaid e ann an slochd éigin; agus their sinn, Chuir droch bhéist éigin as da: agus chi sinn ciod gus an d’thig aislingean. 21 Agus chuala Reuben so, agus shaor e as an làimh e, agus thubhairt e, Na cuireamaid gu bàs e. 22 Agus thubhairt Reuben riu, Na dòirtibh fuil; tilgibh e ’san t-slochd so, a ta ’san fhàsach, agus làmh na cuiribh ann: a chum ’s gu’n saoradh e as an làimh e, agus gu’n aisigeadh e rìs d’a athair e. 23 Agus ’nuair a thàinig Ioseph a dh’ionnsuidh a bhràithre, ’an sin bhuin iad do Ioseph a chòta, a chòta nan iomadh dath, a bha air. 24 Agus ghabh iad e, agus thilg iad e ann an slochd, agus bha ’n slochd falamh, gun uisge ann. 25 Agus shuidh iad sìos a dh’itheadh arain, agus thog iad suas an sùilean agus dh’amhairc iad, agus feuch, bha cuideachd do chloinn Ismaeil a’ teachd o Ghilead le’n càmhalan a’ giùlan spìosraidh, agus ìoc-shlaint (1), agus mirr, a’ dol gus an toirt sìos do’n Eiphit. 26 Agus thubhairt Iudah r’a bhràithribh, Ciod an tairbh a bhios dhuinn ann ma mharbhas sinn ar bràthair, agus ma cheileas sinn fhuil. 27 Thigibh, agus reiceamaid e ris na h-Ismaelich, agus na cuireamaid làmh ann; oir is e ar dearbh-bhràthair e, agus ar feoil: agus dh’éisd a bhràithre ris. 28 ’An sin chaidh Midianaich seachad, ceannaichean; agus tharruing iad agus thog iad suas Ioseph as an t-slochd: agus reic iad Ioseph ris na h-Ismaelich air fhichead bonn airgid. Agus thug iadsan Ioseph do’n Eiphit. 29 Agus phill Reuben a dh’ionnsuidh an t-sluichd; agus feuch, cha robh Ioseph ’san t-slochd: agus reub (2) e eudach. 30 Agus phill e dh’ionnsuidh a bhràithrean, agus thubhairt e, Cha’n ’eil an leanabh ann; agus mise, c’àit’ an d’ théid mi? 31 Agus ghabh iad còta Io- (1) balm. Sasg. (2) rachd. [TD 70] GENESIS. CAIB. XXXVIII. seiph, agus mharbh iad meann do na gabhraibh, agus thum iad an còta ’san fhuil. 32 Agus chuir iad uatha còta nan iomadh dath, agus thug iad e dh’ionnsuidh an athar; agus thubhairt iad, Fhuair sinne so: aithnich a nis an e so còta do mhic, no nach e. 33 Agus dh’aithnich se e, agus thubhairt e, Còta mo mhic; chuir droch bhéisd as da: tha Ioseph gun teagamh air a reubadh as a chéile. 34. Agus reub Iacob eudach, agus chuir e eudach-faic air a leasruidh, agus rinn e bròn air son a mhic rè mòrain lài. 35 Agus dh’éirich a mhic uile, agus a nigheanan uile suas, a thoirt sòlais da; ach dhiùlt esan sòlas a ghabhail; agus thubhairt e, Oir théid mi sìos do’n uaigh a chum mo mhic re bròn. Mar so rinn athair caoidh air a shon. 36 Agus reic na Midianaich e ’san Eiphit re Potiphar, oifigeach le Pharaoh, ceannard an shreiceadain (1). CAIB. XXXVIII. AGUS ’san àm sin féin chaidh Iudah sìos o bhràithribh, agus thionndaidh e steach a dh’ionnsuidh Adulamaich àraidh, d’am b’ainm Hirah. 2 Agus chunnaic Iudah ’n sin nighean Canaanaich àraidh, d’am b’ainm Suah: agus ghabh e i, agus chaidh e steach d’a h-ionnsuidh. 3 Agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac; agus thug e Er mar ainm air. 4. Agus dh’fhàs i torrach a rìs, agus rug i mac; agus thug i Onan mar ainm air. 5 Agus dh’fhàs i torrach fathast, agus rug i mac; agus thug i Selah mar ainm air: agus bha esan ann an Chedsib ’nuair a rug i e. 6 Agus ghabh Iudah bean do Er a cheud-ghin, d’ am b’ainm Tamar. 7 Agus bha Er, ceud-ghin Iudaih, aingidh ann an sealladh an Tighearna; agus mharbh an Tighearn e. 8 Agus thubhairt Iudah re h-Onan, Falbh a steach a dh’ionnsuidh mnà do bhràthar, agus pòs i, agus tog suas sliochd do d’ bhràthair. 9 Agus bha fhios aig Onan nach b’ann leis féin a bhiodh an sliochd; agus ’nuair a chaidh e steach a dh’ionnsuidh mnà a bhràthar, dhòirt e air a’ bhlàr e, chum nach d’thugadh e sliochd d’a bhràthair. 10 Agus bha ’n ni a rinn e olc ann an sealladh an Tighearna: uime sin mharbh e esan mar an ceudna. 11 ’An sin thubhairt Iudah re Tamar mnaoi a mhic, Fan a’d’ bhantraich ann an tigh t’athar, gus am fàs mo mhac Selah suas; oir thubhairt e, An t-eagal gu’m faigheadh esan bàs mar an ceudna mar a fhuair a bhràithre. Agus dh’fhalbh Tamar, agus dh’fhan i ’n tigh a h-athar. 12 Agus ùine fhada ’n déigh sin fhuair nighean Shuaih bean Iudaih bàs: agus thog Iudah a mhisneach, agus chaidh e suas a dh’ionnsuidh luchd-lomairt (2) a (1) ceannard a shaighdearan, caiptein a’ gheard. (2) luchd-bearraidh. [TD 71] GENESIS. CAIB. XXXVIII. chaorach, e féin agus a charaid Hirah an t-Adulamach, gu Timnat. 13 Agus dh’innseadh do Thamar, ag ràdh, Feuch, tha t’athair-céile a’ dol suas gu Timnat a lomairt a chaorach. 14 Agus chuir i a culaidh-bantraich dhith, agus chòmhdaich si i féin le gnùis-bhrat, agus phaisg si i féin, agus shuidh i ann an ionad follaiseach a ta làimh ris an t-slighe gu Timnat: oir chunnaic i gu’n d’fhàs Selah suas, agus nach d’thugadh i dha mar mhnaoi. 15 ’Nuair a chunnaic Iudah i, shaoil e gu’m bu strìopach i, a chionn gu’n do chòmhdaich i h-eudan. 16 Agus thionndaidh e d’a h-ionnsuidh air an t-slighe, agus thubhairt e, Leig leam, guidheam ort, teachd a steach a’t’ ionnsuidh; oir cha robh fhios aige gu’m b’i bean a mhic i: agus thubhairt i, Ciod a bheir thu dhomh a chum as gu’n d’thig thu steach a’m’ ionnsuidh? 17 Agus thubhairt esan, Cuiridh mi meann (1) a’t’ ionnsuidh o’n treud: agus thubhairt ise, An d’thoir thu geall domh gus an cuir thu m’ ionnsuidh e? 18 Agus thubhairt e, Ciod an geall a bheir mi dhuit? Agus thubhairt ise, Do sheula agus do làmh-fhailean, agus do lorg a ta ann ad làimh; agus thug e dh’i iad, agus chaidh e steach d’a h-ionnsuidh, agus rinneadh i torrach leis. 19 Agus dh’éirich i, agus dh’fhalbh i roimpe, agus chuir i seachad a gnùis-bhrat uaithe (2), agus chuir i a culaidh-bantraich oirre. 20 Agus chuir Iudah am meann le làimh a charaid an Adulamaich, chum as gu’m faigheadh e ’n geall o làimh na mnà: ach cha d’fhuair e i. 21 ’An sin dh’fheòraich e do dhaoinibh an àite sin, ag ràdh, C’àit’ am bheil an strìopach a bha gu follaiseach re taobh na slighe (3)? Agus thubhairt iadsan, Cha robh strìopach ’sam bith ’an so. 22 Agus phill e dh’ionnsuidh Iudaih, agus thubhairt e, Cha d’fhuair mi i: agus mar an ceudna thubhairt daoin’ an àite, Cha robh strìopach sam bith ’an so. 23 Agus thubhairt Iudah, Gabhadh i dh’i féin e, an t-eagal gu maslaichear sinn: feuch, chuir mi am meann so d’ a h-ionnsuidh, agus cha d’fhuair thu i. 24 Agus beul re tri mìosa ’n déigh sin, dh’innseadh do Iudah, ag ràdh, Rinn Tamar bean do mhic strìopachas; agus feuch cuideachd, tha i torrach le strìopachas. Agus thubhairt Iudah, Thugaibh a mach i, agus loisgear i. 25 ’Nuair a thugadh a mach i, chuir i fios a dh’ionnsuidh a h-athar-céile, ag ràdh, Aig an fhear d’am buin iad sin tha mise lethtromach: agus thubhairt i, Faic, guidheam ort, cia leis an seula, agus na làmh-fhailean, agus an lorg so. 26 Agus ghabh Iudah riu, agus thubhairt e, Bha i ni bu cheirte na mise, a chionn nach d’thug mi i do Shelah mo mhac: agus cha robh aithne aige oirre ni’s mò. 27 Agus ’nuair a bha i re (1) meann do na gabhraibh. Eabh. (2) uaipe, uaiche. (3) an ròid. [TD 72] GENESIS. CAIB. XXXIX. saothair chloinne, feuch, bha leth-aona ’na bolg. 28 Agus ’nuair a bha i re saothair, chuir a h aon diubh mach a làmh: agus rug a bhean-ghlùin air a làimh, agus cheangail i snàthainn scarlaid oirre, ag ràdh, Thàinig e so a mach ’an toiseach. 29 Agus ’nuair a tharruing e a làmh air ais, feuch, thàinig a bhràthair a mach; agus thubhairt ise, Cionnus a bhris thu mach? bitheadh am briseadh so ortsa: Uime sin thugadh Phareds mar ainm air. 30 Agus ’an déigh sin thàinig a bhràthair a mach, aig an robh an snàthainn scarlaid air a làimh; agus thugadh Sarah mar ainm air. CAIB. XXXIX. AGUS thugadh Ioseph sìos do’n Eiphit: agus cheanaich Potiphar oifigeach le Pharaoh, ceannard an fhreiceadain, Eiphiteach, e o làimh nan Ismaelach, a thug sìos ’an sin e. 2 Agus bha ’n Tighearna maille re Ioseph, agus bha e ’na dhuine leis an do shoirbhich gach ni; agus bha e’n tigh a mhaighstir an Eiphitich. 3 Agus chunnaic a mhaighstir gu’n robh an Tighearna maille ris, agus gu’n d’thug an Tighearn air gach ni a rinn e soirbheachadh ’na làimh. 4 Agus fhuair Ioseph deagh-ghean ’na shealladh, agus rinn e seirbhis da: agus rinn se e ’na fhear-riaghlaidh air a thigh, agus gach ni a bh’aige chuir e fuidh làimh. 5 Agus o’n àm sin féin ’san d’ rinn se e ’na fhear-riaghlaidh air a thigh, agus air gach ni a bh’aige, bheannaich an Tighearna tigh an Eiphitich air sgàth Ioseiph: agus bha beannachadh an Tighearn air gach ni bh’aige, anns an tigh, agus anns a’mhachair. 6 Agus dh’fhàg e gach ni a bh’ aige ’an làimh Ioseiph, agus cha b’fhios da aon ni bh’aige, saor o’n aran a bha e ’g itheadh: agus bha Ioseph ’na dhuine maiseach, agus sgiamhach ’san aghaidh. 7 Agus ’an déigh nan nithe sin leag bean a mhaighstir a sùilean air Ioseph, agus thubhairt i, Luidh leamsa. 8 Ach dhiùlt esan, agus thubhairt e re mnaoi a mhaighstir, Feuch, cha’n ’eil fios aig mo mhaighstir ciod a tha maille rium ’san tigh, agus gach ni a th’aige chuir e fuidh m’ làimh-sa. 9 Cha ’n ’eil neach ’san tigh so a’s mò na mise, agus cha do chum e uam ni ’sam bith ach thus’, a chionn gur tu a bhean: cionnus uime sin a ni mise ’n t-olc mòr so, agus a pheacaicheas mi ’n aghaidh Dhé? 10 Agus thachair e ’nuair a labhair i re Ioseph o là gu là, agus nach éisdeadh esan ria, gu luidhe leatha, no bhi maille ria: 11 Agus thachair e air latha àraidh gu’n deachaidh esan a steach do’n tigh a dheanamh oibre féin, agus cha robh a h-aon do dhaoinibh an tighe ’an sin a stigh: 12 Agus rug i air air eudach-uachdair (1), ag ràdh, Luidh leamsa: agus dh’fhàg e eudach- (1) fhalluing, a chòta. [TD 73] GENESIS. CAIB. XL. uachdair ’na làimh, agus theich e, agus thàr e mach. 13 Agus ’nuair a chunnaic ise gu’n d’fhàg e eudach-uachdair ’na làimh, agus gu’n do theich e mach, 14 ’An sin ghairm i air daoinibh a tighe, agus labhair i riu, ag ràdh, Faicibh, thug e steach d’ar n-ionnsuidh Eabhruidheach g’ar maslachadh (1): thàinig e steach a m’ ionnsuidhs’ a luidhe leam, agus ghlaodh mise le guth ard: 15 Agus ’nuair a chual’ e gu’n do thog mi suas mo ghuth, agus gu’n do ghlaodh mi, ’an sin dh’fhàg e eudach-uachdair maille rium, agus theich e, agus chaidh e mach. 16 Agus thaisg i eudach-uachdair làimh ria, gus an d’thàinig a thighearna dhachaidh. 17 Agus labhair i ris a réir nam briathra so, ag ràdh, Thainig an seirbhiseach Eabhruidheach a thug thu d’ar n-ionnsuidh a steach a’m’ ionnsuidhsa gu m’ mhaslachadh: 18 Agus ’nuair a thog mise suas mo ghuth, agus a ghlaodh mi, ’an sin dh’fhàg e eudach-uachdair maille rium, agus theich e mach. 19 Agus ’nuair a chual’ a mhaighstir briathran a mhnà, a labhair i ris, ag ràdh, Air an dòigh so rinn do sheirbhiseach orm; ’an sin las fhearg suas. 20 Agus ghabh maighstir Ioseiph e, agus chuir e ’sa’ phrìosan e, far an robh prìosanaich an righ ceangailte: agus bha e ’n sin ’sa’ phrìosan. 21 Ach bha ’n Tighearna maille re Ioseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh-ghean ann an sùilibh fhir-gleidhidh a’ phrìosain. 22 Agus chuir fear-gleidhidh a’ phrìosain fuidh làimh Ioseiph na prìosanaich uile a bha ’sa’ phrìosan; agus gach ni a rinn iad ’an sin, b’esan a rinn e. 23 Cha d’amhairc fear-gleidhidh a’ phrìosain air ni ’sam bith a bha fuidh làimh, a chionn gu’n robh an Tighearna maille ris; agus an ni sin a rinn e, thug an Tighearn air soirbheachadh leis. CAIB. XL. AGUS ’an déigh nan nithe sin chuir buidealair righ na h-Eiphit, agus fhuineadair, fearg air an tighearna righ na h-Eiphit. 2 Agus bha corruich mhòr air Pharaoh re dithis d’a sheirbhisich, ris an ard-bhuidealair, agus ris an ard-fhuineadair. 3 Agus chuir e ’n làimh (2) iad ann an tigh ceannaird an fhreiceadain ’sa’ phrìosan, far an robh Ioseph ceangailte. 4 Agus chuir ceannard an fhreiceadain an cùram air Ioseph, agus fhritheil e dhoibh; agus dh’fhan iad tamull (3) ann an làimh. 5 Agus chunnaic iad aisling le chéile, gach fear ac’ aisling féin ’san aon oidhche, gach fear a réir eadar-mhìneachaidh aislinge; am buidealair agus fuineadair righ na h-Eiphit, a bha ceangailte ’sa’ phrìosan. 6 Agus thàinig Ioseph a steach d’an ionnsuidh ’sa’ mhadainn, agus dh’amhairc e orra, agus feuch, bha iad dubhach. (1) a mhagadh oirn. (2) ann an daingneach. (3) seal. [TD 74] GENESIS. CAIB XL. 7 Agus dh’fheòraich e do sheirbhisich Pharaoih, a bha ’n làimh maille ris ann an tigh a thighearna, ag ràdh, C’ar son a tha bhur gnùis cho mhuladach an diugh? 8 Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus cha ’n ’eil neach againn a dh’eadar-mhìnicheas i. Agus thubhairt Ioseph riu, Nach ann o Dhia tha gach eadar-mhìneachadh? innsibh dhomhs’ iad, guidheam oirbh. 9 Agus dh’innis an t-ard-bhuidealair aisling do Ioseph, agus thubhairt e ris, A’m’ aisling-sa feuch, bha fìneamhain fa m’ chomhair. 10 Agus air an fhìneamhain bha tri meanglain (1); agus bha i mar gu’m biodh i a’ briseadh a mach, agus thàinig i fuidh làn-bhlàth, agus thug a bagaidean dearcan abuich uatha. 11 Agus bha cupan Pharaoih a’m’ làimh; agus ghabh mi na fìon-dhearcan, agus dh’fhàisg mi iad ’an cupan Pharaoih, agus thug mi ’n cupan ann an làimh Pharaoih. 12 Agus thubhairt Ioseph ris, ’Se so a h-eadar-mhìneachadh: Na tri meanglain, is tri lài iad. 13 Eadhon ’an ceann thri lài togaidh Pharaoh suas do cheann, agus bheir e rìs gu t’àite féin thu; agus bheir thu cupan Pharaoih ’na làimh mar a b’àbhuist duit roimhe ’nuair a bha thu d’bhuidealair aige. 14 Ach cuimhnich thusa orm-sa ’nuair a dh’éireas gu math dhuit, agus dean, guidheam ort, caoimhneas domh: agus thoir iomradh orm re Pharaoh, agus thoir a mach mi as an tigh so: 15 Oir gu deimhin ghoideadh air falbh mi a tìr nan Eabhruidheach, agus mar an ceudna ’n so cha d’rinn mi ni sam bith gu’n cuirte ’san t-slochd mi. 16 ’Nuair a chunnaic an t-ard-fhuineadair gu’n d’eadar-mhìnich e gu math, thubhairt e re Ioseph, Bha mise mar an ceudna a’m’ aisling, agus feuch, bha tri bascaide geala air mo cheann: 17 Agus anns a’ bhascaid a b’àirde bha do gach seòrta bìdh air son Pharaoih do dheasachadh an fhuineadair; agus dh’ith an eunlaith iad a mach as a’ bhascaid air mo cheann. 18 Agus fhreagair Ioseph, agus thubhairt e, ’S e so a h-eadar-mhìneachadh (2): Na tri bascaide, ’s tri lài iad. 19 ’An ceann thri lài togaidh Pharaoh suas do cheann dhìot, agus crochaidh e thu air crann, agus ithidh an eunlaith t’fheoil dhìot. 20 Agus air an treas là, co’-ainm latha-breithe Pharaoih, rinn e cuirm d’a sheirbhisich uile: agus thog e suas ceann an àrd-bhuidealair, agus ceann an àrd-fhuineadair am measg a sheirbhiseach. 21 Agus thug e ’n t-àrd-bhuidealair a chum a bhuidealaireachd a rìs; agus thug e ’n cupan ’an làimh Pharaoih: 22 Ach chroch e ’n t-àrd-fhuineadair, mar a dh’eadar-mhìnich Ioseph dhoibh. 23 Gidheadh cha do chuimhnich an t-àrd-bhuidealair air Ioseph, ach dhì-chuimhnich se e. (1) geuga. (2) brìgh. [TD 75] GENESIS. CAIB. XLI. CAIB. XLI. AGUS ’an ceann dà bhliadhna iomlan, chunnaic Pharaoh aisling; Agus feuch, sheas e làimh ris an abhainn: 2 Agus feuch, thàinig a nìos as an abhainn seachd bà, sgiamhach r’am faicinn, agus reamhar ’am feoil; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn-fheur (1). 3 Agus feuch, thàinig seachd bà eile nìos ’nan déigh as an abhainn, granda re ’m faicinn, agus caol ’nam feoil; agus sheas iad làimh ris na bà eile, air bruaich na h-aibhne. 4 Agus dh’ith na bà bha granda r’am faicinn agus caol ’nam feoil, suas na seachd bà sgiamhacha agus reamhra. Mar sin dhùisg Pharaoh. 5 Agus choidil agus chunnaic e aisling an dara uair: Agus feuch, dh’éirich suas seachd diasan air aon choinlin, reachdmhor agus math. 6 Agus feuch, dh’fhàs suas ’nan déigh seachd diasa caola, agus air an seargadh leis a’ ghaoith ’n ear. 7 Agus shluig na seachd diasa caola sìos na seachd diasa reachdmhor agus làn: agus dhùisg Pharaoh, agus feuch, b’ aisling a bh’ ann. 8 Agus ’sa’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh (2); agus chuir e fios uaith agus ghairm e uile dhruidhean na h-Eiphit, agus a daoine glic uile: agus dh’innis Pharaoh aisling dhoibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar-mhìnicheadh iad do Pharaoh. 9 ’An sin labhair an t-ard-bhuidealair re Pharaoh, ag ràdh, An diugh tha mis’ a’ cuimhneachadh mo lochdan (3). 10 Bha fearg air Pharaoh r’a sheirbhisich, agus chuir e mise ’n làimh ann an tigh cheannaird an fhreiceadain, araon mise, agus an t-àrd-fhuineadair. 11 Agus chunnaic sinn aisling ’san aon oidhche, mis’ agus esan: chunnaic gach fear againn aisling a réir eadar-mhìneachaidh aislinge. 12 Agus bha ’n sin maille ruinne òganach Eabhruidheach, seirbhiseach do cheannard an fhreiceadain; agus dh’innis sinn da, agus dh’eadar-mhìnich e dhuinn ar n-aislingean: do gach fear againn a’réir aislinge dh’eadar-mhìnich e. 13 Agus mar a dh’eadar-mhìnich e dhuinn, mar sin bha e: mise chuir e rìs ann am àite, agus esan chroch e. 14 Agus chuir Pharaoh teachdoire uaith, agus ghairm e Ioseph, agus thug iad le cabhaig a mach as an t-slochd e: agus bhearr fe e féin, agus mhùth e eudach, agus thàinig e steach a dh’ionnsuidh Pharaoih. 15 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, Chunnaic mi aisling, agus cha ’n’eil neach ann a dh’eadar-mhìnicheas i: agus chuala mi air a ràdh mu d’ thimchiollsa, ’nuair a chluinneas tu aisling gur aithne dhuit a h-eadar-mhìneachadh. 16 Agus fhreagair Ioseph Pharaoh, ag ràdh, Cha ’n’eil e annamsa: bheir Dia freagradh sìth do Pharaoh. 17 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, A’m’ aisling, feuch, sheas mi air bruaich na h-aibhne: (1) lian, lòn, miadan. (2) air a chràdh. (3) mo choire. [TD 76] GENESIS. CAIB. XLI. 18 Agus feuch, thàinig a nìos as an abhainn seachd bà, reamhar ’am feoil, agus sgiamhach ann an cruth; agus bha iad ag ionaltradh ’am mìn-fheur: 19 Agus feuch, thàinig seachd bà eile nìos ’nan déigh, bochd agus ro-ghranda, agus caol ’am feoil: cha ’n fhaca mi ’n samhuil riamh ann an uile thìr na h-Eiphit air olcas. 20 Agus dh’ith na bà caol’ agus granda suas na ceud seachd bà reamhra. 21 Agus ’nuair a dh’ith iad suas iad, cha’n aithnichte orra gu’n d’ith siad iad; ach bha iad granda r’am faicinn mar ’an toiseach. ’An sin dhùisg mi. 22 Agus chunnaic mi a’m’ aisling: agus feuch, thàinig a nìos seachd diasan air aon choinlin, làn agus math: 23 Agus feuch, dh’fhàs suas ’nan déigh seachd diasan, air an crìonadh, caol agus seargta leis a’ ghaoith ’n ear. 24 Agus shluig na diasa caola sìos na seachd diasa matha: agus dh’innis mi so do na druidhibh; ach cha robh neach ann a b’urradh a’ chùis fhoillseachadh dhomh. 25 Agus thubhairt Ioseph re Pharaoh, Aisling Pharaoih, is aon i: an ni sin a ta Dia gus a dheanamh, dh’fhoillsich e do Pharaoh. 26 Na seachd bà matha, is seachd bliadhnan iad; agus na seachd diasa matha, is seachd bliadhnan iad: is aon an aisling. 27 Agus na seachd bà caol’ agus grand’ a thàinig a nìos ’nan déigh, is seachd bliadhnan iad; agus na seachd diasa fàs (1) seargta leis a’ ghaoith ’n ear, bithidh iad ’nan seachd bliadhnan gortaidh. 28 So an ni a thubhairt mi re Pharaoh: An ni ta Dia gus a dheanamh, nochd e do Pharaoh. 29 Feuch, tha seachd bliadhnan mòr-phailteis a’teachd feadh thìr na h-Eiphit uile: 30 Agus éiridh seachd bliadhnan gortaidh suas ’nan déigh, agus dì-chuimhnichear am pailteas uile ’n tìr na h-Eiphit, agus claoidhidh a’ ghorta ’n tìr. 31 Agus cha’n aithnichear am pailteas anns an tìr air son na gortaidh a leanas: oir bithidh i ro-throm. 32 Agus a thaobh gu’n do dhùblaicheadh an aisling do Pharaoh dà uair, tha sin a chionn gu bheil an ni air a shuidheachadh le Dia , agus bheir Dia ann an aithghearradh gu crìch e. 33 A nis uime sin amhairceadh Pharaoh a mach air son duine thuigsich agus ghlic, agus cuireadh e os cionn tìr na h-Eiphit e. 34 Deanadh Pharaoh so, agus orduicheadh e luchd-riaghlaidh as cionn na tìre, agus togadh iad an cùigeadh cuid do thoradh tìr na h-Eiphit ’sna seachd bliadhnaibh pailteis. 35 Agus cruinnicheadh iad uile bhiadh nam bliadhna matha sin re teachd, agus taisgeadh iad suas arbhar fuidh làimh Pharaoih, agus gleidheadh iad biadh ’sna bailtibh. 36 Agus bithidh am biadh sin ’na thaisgeach do’n tìr, fa chomhair nan seachd bliadhna gortaidh a bhitheas ann an tìr (1) falamh, caocha. [TD 77] GENESIS. CAIB. XLI. na h-Eiphit; chum as nach d’théid as do’n tìr leis a’ ghorta. 37 Agus bha chomhairle math (1) ann an sùilibh Pharaoih, agus ann an sùilibh a sheirbhiseach uile. 38 Agus thubhairt Pharaoh r’a sheirbhisich, Am bheil e ’n comas duinn a leithid so do dhuine fhaotainn, anns am bheil spiorad Dhé? 39 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, A thaobh gu’n d’fhoillsich Dia so uile dhuit, cha ’n’eil neach ann cho tuigseach agus cho ghlic riut féin. 40 Bithidh tu os cionn mo thighe-sa, agus a réir t’fhocail bithidh mo shluagh uile air an riaghladh: a mhàin ’san righ-chathair bithidh mise ni’s mò na thu. 41 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, Faic, chuir mi thu os cionn uile thìr na h-Eiphit. 42 Agus thug Pharaoh fhàinne bhàrr a làimh, agus chuir e air làimh Ioseiph e; agus sgeadaich se e ann an trusgan do lìon-eudach (2) grinn, agus chuir e slabhruidh òir m’a mhuineal. 43 Agus thug e air marcachd ’san dara carbad a bh’aige féin; agus ghlaodh iad roimhe, Lùbaibh an glùn (3): agus rinn se e ’na uachdaran air tìr na h-Eiphit uile. 44 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, Is mise Pharaoh, agus as t’eugmhais-sa cha tog duine suas a làmh no a chos ann an tìr na h-Eiphit uile. 45 Agus thug Pharaoh Saphnat-paaneah mar ainm air Ioseph; agus thug e dha Asenat nighean Photipheraih shagairt Oin mar mhnaoi: agus chaidh Ioseph a mach air feadh uile thìr na h-Eiphit. 46 Agus bha Ioseph deich bliadhna fichead a dh’aois an uair a sheas e ’m fianuis Pharaoih righ na h-Eiphit: agus chaidh Ioseph a mach o làthair Pharaoih, agus chaidh e troimh (4) thìr na h-Eiphit uile. 47 Agus thug an talamh a mach anns na seachd bliadhnaibh pailteis ’na ghlacaidibh. 48 Agus chruinnich e r’a chéile uile bhiadh nan seachd bliadhna, a bha ’n tìr na h-Eiphit; agus thaisg e suas biadh ’sna bailtibh: biadh fearainn gach baile, a bha mu’n cuairt air, thaisg e suas ann. 49 Agus chuir Ioseph r’a chéile sìol mar ghaineamh na fairge, ro-mhòran, gus an do sguir e d’a àireamh; oir bha e gun àireamh. 50 Agus do Ioseph rugadh dithis mhac mun d’thàinig bliadhnacha na gortaidh, a rug Asenat dha, nighean Photipheraih shagairt Oin. 51 Agus thug Ioseph Manaseh mar ainm air a’ cheud-ghin; oir thug Dia orm, ars’ esan, mo shaothair uile dhì-chuimhneachadh, agus tigh m’athar uile. 52 Agus air an dara mac thug e Ephraim mar ainm; oir thug Dia orm, ars’ esan, a bhi sìolmhar ann an tìr m’àmhghair. 53 Agus chrìochnuicheadh seachd bliadhnan a’ phailteis a bha ann an tìr na h-Eiphit. 54 Agus thòisich seachd bliadhnan na gortaidh re teachd, mar a thubhairt Ioseph; agus (1) bha an ni math. (2) anart. (3) Athair chaoimh. (4) romh; trìd. Eir. [TD 78] GENESIS. CAIB. XLII. bha ghorta anns na dùthchannaibh uile: ach ann an uile thìr na h-Eiphit bha aran. 55 Agus an uair a bha tìr na h-Eiphit uile ann an uireasbhuidh, ’an sin ghlaodh an sluagh re Pharaoh air son arain: agus thubhairt Pharaoh ris na h-Eiphitich uile, Ruigibh Ioseph; an ni sin a their e ruibh deanaibh. 56 Agus bha ghorta air aghaidh na talmhainn uile: agus dh’fhosgail Ioseph na taisgeachan (1) uile, agus reic e ris na h-Eiphitich: agus bhuadhaich a’ ghort’ (2) ann an tìr na Eiphit. 57 Agus thàinig gach dùthaich do’n Eiphit a dh’ionnsuidh Ioseiph a cheannach bìdh; oir bhuadhaich a’ ghorta ’sgach dùthaich. CAIB. XLII. A NIS an uair a chunnaic Iacob gu’n robh sìol (3) ’san Eiphit, thubhairt e r’a mhic, C’ar son a ta sibh ag amharc air a chéile? 2 Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi gu bheil sìol ’san Eiphit: rachaibh sìos ’an sin, agus ceannaichibh dhuinn as sin, chum as gu’m bi sinn beò, agus nach faigh sinn bàs. 3 Agus chaidh deichnear bhràithrean Ioseiph sìos a cheannach sìl ’san Eiphit. 4 Ach cha do chuir Iacob Beniamin bràthair Ioseiph maille r’a bhràithribh: oir thubhairt e, An t-eagal gu’n éirich olc (4) dha. 5 Agus thàinig mic Israeil a cheannach sìl ’am measg na muinntir a thàinig: oir bha ghort’ ann an tìr Chanaain. 6 Agus bha Ioseph ’na uachdaran air an tìr: B’ esan a bha a’ reiceadh re sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Ioseiph, agus chrom siad iad féin sìos da, le ’n aghaidh gu làr. 7 Agus chunnaic Ioseph a bhràithrean, agus dh’aithnich e iad, ach rinn se e féin ’na choigreach dhoibh, agus labhair e gu coimheach riu; agus thubhairt e riu, Cia as a thàinig sibhse? Agus thubhairt iadsan ris, A tìr Chanaain a cheannach bìdh. 8 Agus dh’aithnich Ioseph a bhràithrean, ach cha d’aithnich iadsan esan. 9 Agus chuimhnich Ioseph air na h-aislingean a chunnaic e mu’n timchioll, agus thubhairt e riu; Is luchd-brathaidh (5) sibh; a dh’fhaicinn lomnochdaidh na tìre thàinig sibh. 10 Agus thubhairt iad ris, Cha sinn, mo thighearna, ach is ann a thàinig do sheirbhisich a cheannach bìdh: 11 Is mic aon duine sinne uile, is daoine fìrinneach sinn; cha luchd-brathaidh do sheirbhisich. 12 Agus thubhairt esan riu, Ni h-eadh, ach is ann a dh’fhaicinn lomnochdaidh na tìre thàinig sibh. 13 Agus thubhairt iad, Is dà bhràthair dheug do sheirbhisich, mic aon duine ann an tìr Chanaain; agus feuch, tha’m fear a’s òig’ an diugh maille ra’r n-athair, agus tha h-aon nach maireann (6) (1) tighean-stòir. (2) dh’fhàs a’ ghorta geur. (3) gràn, arbhar. (4) dosgaich, sgiorradh, tubaist. (5) luchd-rannsachaidh. (6) nach ’eil ann. [TD 79] GENESIS. CAIB. XLII. 14 Agus thubhairt Ioseph riu, So an ni a thubhairt mi ribh, ag ràdh, Is luchd-brathaidh sibh. 15 Mar so dearbhar sibh; mar is beo Pharaoh cha d’théid sibh a mach as so, mur d’thig bhur bràthàir a’s òige ’n so. 16 Cuiribh uaibh fear agaibh, agus thugadh e leis bhur bràthair, agus gleidhear sibhs’ am prìosan (1), chum as gu’n dearbhar bhur briathran, am bheil no nach ’eil fìrinn annaibh: no mar is beo Pharaoh, gu cinnteach is luchd-brathaidh sibh. 17 Agus chuir e ’m prìosan iad uile rè thri lài. 18 Agus thubhairt Ioseph riu air an treas là, Deanaibh so, agus bithibh beo: oir tha eagal Dé ormsa. 19 Ma ’s daoine fìrinneach sibh, fàgar aon d’ar bràithribh ceangailte ’n tigh bhur prìosain: agus imichibh-sa, thugaibh leibh sìol air son gortaidh bhur teaghlaiche. 20 Ach thugaibh bhur bràthair a’s òig’ a m’ ionnsuidh; mar sin dearbhar bhur briathran (2), agus cha ’n fhaigh sibh bàs. Agus rinn iad mar sin. 21 Agus thubhairt iad r’a chéile, Tha sinn gu deimhin ciontach a thaobh ar bràthar, do bhrìgh gu’m faca sinn cràdh anma, ’nuair a ghuidh e oirn, agus nach d’éisd sinn ris: uime sin thàinig an airc (3) so oirn. 22 Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na peacaichibh ’an aghaidh an leinibh; agus cha d’éisd sibh? Uime sin feuch mar ’an ceudna tha fhuil air a h-iarraidh oirn. 23 Agus cha robh fhios aca-san gu’n robh Ioseph ’gan tuigsinn; oir bha eadar-theangair eatorra. 24 Agus thionndaidh se e féin uatha, agus ghuil e; agus phill e rìs d’an ionnsuidh, agus labhair e riu, agus thug e Simeon uatha, agus cheangail se e fa chomhair an sùl. 25 ’An sin dh’àithn Ioseph an saic a lìonadh le sìol, agus airgiod gach duine chur air ais ’na shac, agus biadh a thoirt doibh air son na slighe: agus is ann mar so a rinn e riu. 26 Agus thog iad an sìol air an asalaibh, agus dh’imich iad a sin. 27 Agus an uair a dh’fhosgail fear ac’ a shac a thoirt bìdh d’a asal ’san tigh-òsda, chunnaic e airgiod; oir feuch bha e ’m beul a shaic. 28 Agus thubhairt e r’a bhràithribh, Thugadh air ais m’airgiod-sa; agus feuch, tha e eadhon a’m’shac. Agus dh’fhàilingich an cridhe, agus bha eagal orra, ag ràdh gach fear r’a chéile, Ciod é so rinn Dia oirn? 29 Agus thàinig iad a chum Iacoib an athar do thìr Chanaain, agus dh’innis iad dha gach ni thachair dhoibh, ag ràdh, 30 Labhair an duine ta ’na uachdaran air an tìr ruinn gu coimheach, agus ghabh e sinn mar luchd-brathaidh air an dùthaich. 31 Agus thubhairt sinn ris, Is daoine fìrinneach sinne; cha luchd-brathaidh idir sinn; 32 Is dà bhràthair dheug sinn, mic ar n-athar; tha aon mhac nach maireann, agus tha ’m mac (1) ceanglar sibhse. Eabh. (2) fìrinnichear bhur briathra. (3) cruaidh-chàs. [TD 80] GENESIS. CAIB. XLIII. a’s òige ’n diugh maille r’ar n-athair ann an tìr Chanaain. 33 Agus thubhairt an duine, uachdaran na tìre ruinn, Mar so aithnichidh mi gur daoine fìrinneach sibh; fàgaibh aon d’ar bràithribh maille riumsa, agus gabhaibh biadh air son gortaidh bhur teaghlaichean, agus bithibh ag imeachd: 34 Agus thugaibh bhur bràthair a’s òige a m’ ionnsuidh; ’an sin bithidh fios agam nach luchd-brathaidh sibh, ach gur daoine fìrinneach sibh: mar sin bheir mise bhur bràthair dhuibh, agus ni sibh ceannachd ’san tìr. 35 Agus an uair a thaomaich iad an saic, feuch, bha ceanglachan airgid gach duine ’na shac féin, agus an uair a chunnaic iad féin agus an athair na ceanglachain airgid, bha eagal orra. 36 Agus thubhairt Iacob an athair riu, Thug sibh uamsa mo chlann: Ioseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniamin bheir sibh air falbh: m’aghaidh-sa tha na nithe sin uile. 37 Agus labhair Reuben r’a athair, ag ràdh, Cuir gu bàs mo dhithis mhac, mur d’thoir mi t’ionnsuidh e: thoir thairis do m’ làimhs’ e, agus bheir mis’ a t’ionnsuidh a rìs e. 38 Agus thubhairt e, Cha d’théid mo mhac sìos maille ribh; oir tha bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan ’na aonar: ma thachras olc dha ’san t-slighe air an d’théid sibh, ’an sin bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn do’n uaigh. CAIB. XLIII. AGUS bha ghorta ro-mhòr ’san tìr. 2 Agus an uair a dh’ith iad suas an sìol a thug iad as an Eiphit, thubhairt an athair riu, Rachaibh a rìs, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh. 3 Agus labhair Iudah ris, ag ràdh, Thug an duine dearbh-chinnte dhuinn, ag ràdh, Cha’n fhaic sibh mo ghnùis-sa mur bi bhur bràthair maille ribh. 4 Ma chuireas tu ar bràthair maille ruinn, théid sinn sìos agus ceannaichidh sinn biadh dhuit; 5 Ach mur cuir thu leinn e, cha d’ théid sinn sìos: oir thubhairt an duine ruinn, Cha’n fhaic sibh mo ghnùis mur bi bhur bràthair maille ribh. 6 Agus thubhairt Israel, C’ar son a bhuin sibh cho olc rium, agus gu’n d’innis sibh do’n duine gu’n robh bràthair tuilleadh agaibh? 7 Agus thubhairt iad, Dh’fhiosraich an duine dhinn gu teann m’ar timchioll féin, agus mu thimchioll ar càirdean, ag ràdh, Am bheil bhur n-athair fathast beo? am bheil bràthair eile agaibh? Agus dh’innis sinne dha a réir brì’ nam briathra sin: Am b’ urradh sinne fios a bhi againn gu cinnteach gu’n abradh e, Thugaibh bhur bràthair a nuas? 8 Agus thubhairt Iudah re h-Israel athair, Cuir an t-òganach maille riumsa, agus éiridh sinn, agus imichidh sinn, a chum as gu’m bi sinn beò agus nach faigh sinn bàs, araon sinne, agus thu féin, agus mar an ceudna ar clann bheag. 9 Bithidh mis’ a’m’ urras air a shon; o m’ làimh-sa iarraidh tu e: mur d’thoir mis’ a t’ionnsuidh, agus mur cuir mi a’d’ [TD 81] GENESIS. CAIB. XLIII. làthair e, ’an sin biodh a’ choire gu bràth orm (1). 10 Oir mur bitheamaid air deanamh moille, gu cinnteach bha sinn a nis air pilltinn air ar n-ais an dara uair so. 11 Agus thubhairt Israel an athair riu, Ma dh’fheumas a’ chùis a bhi mar sin a nis, deanaibh so; gabhaibh do’n toradh (2) a’s fearr ’san tìr ’nar soithichibh (3), agus thugaibh sìos tiodhlac do’n duine; beagan ìoc-shlaint, agus beagan meala, spìosraidh, agus mirr, cnothan (4), agus almoine: 12 Agus thugaibh leibh airgiod dùbailte (5) ’nar làimh, agus an t-airgiod a thugadh air ais ’am beul bhur sac, thugaibh air ais e ’nar làimh; theagamh gur mearachd a bh’ann. 13 Gabhaibh mar an ceudna bhur bràthair; agus éiribh, rachaibh a rìs a dh’ionnsuidh an duine. 14 Agus gu’n d’thugadh Dia uile-chumhachdach tròcair dhuibh ’an làthair an duine, chum as gu’n leig e air falbh leibh bhur bràthair eile, agus Beniamin: ach ma chaill mise mo chlann, chaill mi iad. 15 Agus ghabh na daoin’ an tiodhlac sin, agus thug iad leo airgiod dùbailte ’nan làimh, agus Beniamin; agus dh’éirich iad agus chaidh iad sìos do’n Eiphit, agus sheas iad ’an làthair Ioseiph. 16 Agus an uair a chunnaic Ioseph Beniamin maille riu, thubhairt e re fear-riaghlaidh a thighe, Thoir na daoine sin dachaidh, agus marbh, agus deasaich; oir maille riumsa ithidh na daoine sin air mheadhon-là. 17 Agus rinn an duine mar a dh’iarr Ioseph; agus thug e na daoine do thigh Ioseiph. 18 Agus bha eagal air na daoine, chionn gu’n d’thugadh iad do thigh Ioseiph, agus thubhairt iad, ’S ann air son an airgid a chuireadh air ais ’nar sacaibh a’ cheud uair a thugadh a stigh sinn; chu’m gu faigh e cion-fàth ’nar n-aghaidh, agus gu’n tuit e oirn (6), agus gu’n gabh e sinn mar thràillean (7), agus ar n-asail. 19 Agus thàinig iad am fagus do fhear-riaghlaidh tighe Ioseiph, agus labhair iad ris aig dorus an tighe, 20 Agus thubhairt iad, O mo thighearna, thàinig sinn da rìreadh a nuas ’an toiseach a cheannach bìdh. 21 Agus an uair a thàinig sinn do’n tigh-òsda, agus a dh’fhosgail sinn ar saic, feuch, bha airgiod gach fir am beul a shaic, ar n-airgiod ’na làn chothrom: agus thug sinn air ais leinn e ’nar làimh. 22 Agus airgiod eile thug sinn a nuas leinn ’nar làimh a cheannach bidhe: cha ’n’eil fhios againn cò chuir ar n-airgiod ’nar sacaibh. 23 Agus thubhairt e, Sìth gu robh dhuibh, na biodh eagal oirbh: thug bhur Dia féin, agus Dia bhur n-athar ionmhas duibh ’nar sacaibh: fhuair mise bhur n-airgiod. Agus thug e Simeon a mach d’an ionnsuidh. 24 Agus thug an duine na (1) bitheamsa fuidh ’n choir-iomchar gu bràth. (2) do’n mheas. (3) soirrichibh. (4) cnuthan. (5) dà-fhillte. (6) gu’n leum, gu’m buail e oirn. (7) mar dhaoine daor. [TD 82] GENESIS. CAIB. XLIV. daoine steach do thigh Ioseiph, agus thug e uisge dhoibh, agus nigh iad an cosa (1), agus thug e biadh d’an asalaibh. 25 Agus dh’ulluich iad an tiodhlac ’an coinneamh do Ioseph teachd aig meadhon-là; oir chual’ iad gu’n robh iad gu aran itheadh ’an sin. 26 Agus an uair a thàinig Ioseph dhachaidh (2), thug iad d’a ionnsuidh an tiodhlac, a bha ’nan làimh, do’n tigh: agus chrom siad iad féin dha gu làr. 27 Agus dh’fheòraich e ’n robh iad gu math, agus thubhairt e, Am bheil bhur n-athair, an seann duine mu’n do labhair sibh, gu math? Am bheil e fathast beo? 28 Agus thubhairt iadsan, Tha do sheirbhiseach ar n-athair-ne gu math; tha e fathast beo: agus chrom siad iad féin sìos, agus rinn iad ùmhlachd. 29 Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e Beniamin a bhràthair, mac a mhàthar, agus thubhairt e, An e so bhur bràthair a’s òige, mu’n do labhair sibh rium? Agus thubhairt e, Gu’n robh Dia gràsmhor dhuit, a mhic. 30 Agus rinn Ioseph cabhag, oir bha chridhe a’ tiomachadh r’a bhràthair; agus dh’iarr e àit’ anns an guileadh e; agus chaidh e steach d’a sheòmar, agus ghuil e ’n sin. 31 Agus nigh e eudan, agus chaidh e mach, agus chum e air féin, agus thubhairt e, Cuiribh sìos aran. 32 Agus chuir iad sìos dha-san leis féin, agus dhoibhsan leo féin, agus do na h-Eiphitich, a dh’ith maille ris, leo féin; a chionn nach feudadh na h-Eiphitich aran itheadh maille ris na h-Eabhruidhich; oir is gràineileachd sin do na h-Eiphitich. 33 Agus shuidh iad sìos ’na làthair, an ceud-ghin a réir a chòir-breithe (3), agus am fear a b’òige a réir òige: agus ghabh na daoine iongantas gach fear r’a chéile. 34 Agus ghabh esan, agus chuir e cuibhrionnan o làthair féin d’an ionnsuidh: ach rinn e cuibhrionn Bheniamin cùig uaire ni bu mhò na cuid a h-aon aca-san. Agus dh’òl iad, agus bha iad subhach (4) maille ris. CAIB. XLIV. AGUS dh’àithn e do fhear-riaghlaidh (5) a thighe, ag ràdh, Lìon saic nan daoine le sìol a’ mheud ’s is urradh iad a ghiùlan, agus cuir airgiod gach duine ’am beul a shaic. 2 Agus cuir mo chupans’, an cupan airgid, ’am beul saic an fhir a’s òige, agus airgiod a shìl: agus rinn e réir an fhocail a labhair Ioseph. 3 Co luath ’s a bha mhadainn soilleir, chuireadh na daoin’ air falbh, iad féin agus an asail. 4 Agus an uair a chaidh iad a mach as a’ bhaile, agus gun iad fathast fad’ o làimh, thubhairt Ioseph re fear-riaghlaidh a thighe, Eirich, lean na daoine; agus an uair a bheireas tu orra, abair riu, C’ar son a dhìol sibh olc ’an éiric maith (6)? 5 Nach e so an cupan as am (1) casan. (2) dhathigh. (3) a cheirt-beirthe. Eir. (4) criodhail. (5) stiùbhard. (6) olc air son maith. [TD 83] GENESIS. CAIB. XLIV. bheil mo thighearn ag òl? agus leis am bheil e da rìreadh a’ deanamh fiosachd? is olc a fhuara sibh so a dheanamh. 6 Agus rug e orra, agus labhair e riu na briathra ceudna. 7 Agus thubhairt iad ris, C’ar son a labhras mo thighearna na briathra so? nar leigeadh Dia gu’n deanadh do sheirbhisich a réir an ni so. 8 Feuch, an t-airgiod a fhuair sinn ’am beul ar sac, thug sinn a rìs a t’ionnsuidh a tìr Chanaain; cionnas uime sin a ghoideamaid airgiod no òr a tigh do thighearna? 9 Cia b’e air bith do d’sheirbhisich aig am faighear e, cuirear gu bàs esan, agus bithidh sinne mar an ceudna ’nar tràillean aig mo thighearna. 10 Agus thubhairt e, A nis ma ta bitheadh e réir bhur briathra: bithidh esan aig am faighear e ’na sheirbhiseach agamsa; agus bithidh sibhse neo-choireach. 11 ’An sin thug iad a nuas gu grad gach duine a shac féin gu làr, agus dh’fhosgail gach duine a shac. 12 Agus rannsaich esan, agus thòisich (1) e aig an fhear bu shine, agus sguir e aig an fhear a b’òige: agus fhuaradh an cupan ann an sac Bheniamin. 13 ’An sin reub iad an eudach, agus chuir gach duine a shac air asail, agus phill iad do’n bhaile. 14 Agus thàinig Iudah, agus a bhràithre do thigh Ioseiph (oir bha e fathast ’an sin) agus thuit iad sìos ’na fhianuis air an làr. 15 Agus thubhairt Ioseph riu, Ciod é ’n gnìomh so a rinn sibh? nach robh fhios agaibh gur aithne do m’ leithidse do dhuine da rìreadh fiosachd a dheanamh? 16 Agus thubhairt Iudah, Ciod a their sinn re m’ thighearna? cionnas a labhras sinn? no cionnas a ghlanas sinn sinn féin? fhuair Dia a mach aingidheachd do sheirbhiseach: feuch, tha sinne ’nar seirbhisich do m’thighearna, faraon sinne, agus esan mar an ceudna aig (2) an d’fhuaradh an cupan. 17 Agus thubhairt e, Nar leigeadh Dia gu’n deanainnse so: ach an duine aig an d’fhuaradh an cupan, bithidh esan ’na sheirbhiseach agamsa; agus d’ar taobhsa, rachaibh suas ’an sìth a dh’ionnsuidh bhur n-athar. 18 ’An sin thàinig Iudah am fagus da, agus thubhairt e, Och mo thighearna, leig le d’ sheirbhiseach, guidheam ort, focal a labhairt ann an cluasaibh mo thighearna, agus na lasadh t’fhearg ’an aghaidh do sheirbhisich: oir is amhuil thusa agus Pharaoh. 19 Dh’fheòraich mo thighearna d’a sheirbhisich, ag ràdh, Am bheil athair agaibh, no bràthair? 20 Agus thubhairt sinn re m’ thighearna, Tha athair againn, seann duine, agus leanabh a shean aois, maothran: agus tha bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan ’na aonar do chloinn a mhàthar, agus tha gràdh aig athair air. 21 Agus thubhairt thu re d’ sheirbhisich, Thugaibh a nuas e (1) thòsaich, thionnsgain. (2) ’na làimh. Eabh. [TD 84] GENESIS. CAIB. XLV. do m’ ionnsuidhs’ a chum as gu’n socruich mi mo shùilean air. 22 Agus thubhairt sinne re m’ thighearna, Cha’n fheud an leanabh athair fhàgail: oir nam fàgadh e athair, gheibheadh athair bàs. 23 Agus thubhairt thusa re d’ sheirbhisich, Mur d’thig bhur bràthair a’s òige ’nuas maille ribh, cha’n fhaic sibh m’aghaidh-sa ni’s mò. 24. Agus an uair a chaidh sinne suas a dh’ionnsuidh do sheirbhisich m’athar, dh’innis sinn da focail mo thighearna. 25 Agus thubhairt ar n-athair, Rachaibh a rìs, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh. 26 Agus thubhairt sinne, Cha’n fheud sinn dol sìos: ma bhios ar bràthair as òige maille ruinn, ’an sin théid sinn sìos; oir cha’n fheud sinn aghaidh an duine fhaicinn, mur bi ar bràthair a’s òige maille ruinn. 27 Agus thubhairt do sheirbhiseach m’athair ruinn, Tha fhios agaibh gu’n do rug mo bhean dithis mhac dhomh. 28 Agus chaidh aon diubh a mach uam, agus thubhairt mi, Gu cinnteach reubadh ’na bhloighdibh e; agus cha’n fhaca mi o sin e. 29 Agus ma bheir sibh am mac so uam mar an ceudna, agus gu’n d’thig tubaist air, bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn do’n uaigh. 30 A nis uime sin an uair a thig mis’ a dh’ionnsuidh do sheirbhisich m’athar gun an leanabh maille ruinn (do bhrì’ gu bheil anam-sa ceangailt’ ann an anam an leinibh) 31 Tarlaidh, ’nuair a chi e nach ’eil an leanabh maille ruinn, gu’m faigh e bàs: agus bheir do sheirbhiseach sìos falt liath do sheirbhisich ar n-athar le bròn do’n uaigh. 32 Oir chaidh do sheirbhiseach ’an urras air son an leinibh do m’athair, ag ràdh, Mur d’thoir mi a’t’ ionnsuidh e, ’an sin bithidh mi fui’ choire aig m’athair gu bràth. 33 A nis uime sin, guidheam ort, leig le d’ sheirbhiseach fantuinn ’an àit’ an leinibh, a’m’ thràill do m’ thighearna; agus leig leis an leanabh dol suas maille r’a bhràithribh. 34 Oir cionnas a théid mise suas a dh’ionnsuidh m’athar, agus gun an leanabh maille rium? an t-eagal gu faic mi ’n t-olc a thig air m’athair. CAIB. XLV. AGUS cha b’urrainn Ioseph cumail air féin ’nan làthair-san uile a sheas làimh ris, agus ghlaodh e, Cuiribh gach duine mach uam: agus cha do sheas duine sam bith maille ris, an uair a rinn Ioseph e féin aithnichte d’a bhràithribh. 2 Agus ghuil e gu h-àrd; agus chuala na h-Eiphitich, agus tigh Pharaoih e. 3 Agus thubhairt Ioseph r’a bhràithribh, Is mise Ioseph; am bheil m’athair fathast beo? agus cha b’urrainn a bhràithrean a fhreagairt; oir bha eagal orra roimh a làthair-san. 4 Agus thubhairt Ioseph r’a bhràithribh, Thigibh am fagus domh, guidheam oirbh; agus thàinig iad am fagus: Agus thubhairt esan, Is mise Ioseph [TD 85] GENESIS. CAIB. XLV. bhur bràthair, a reic sibhse do’n Eiphit. 5 Agus a nis na biodh doilgheas oirbh, no corruich agaibh ribh féin, a chionn gu’n do reic sibh mise ’n so (1); oir chuir Dia romhaibh mi gu sibhs’ a ghleidheadh beo: 6 Oir rè an dà bhliadhna-sa bha ghorta ’san tìr, agus tha fathast cùig bliadhna re teachd, anns nach bi aon chuid treabhadh no foghar. 7 Agus chuir Dia mise romhaibh a ghleidheadh dhuibhse iarmaid (2) air thalamh, agus a thearnadh bhur beatha le fuasgladh mòr. 8 A nis uime sin cha sibhs’ a chuir mis’ ’an so, ach Dia; agus rinn e mi a’m’ athair do Pharaoh, agus a’m’ thighearna os cionn a thighe uile, agus a’m’ uachdaran ann an tìr na h-Eiphit uile. 9 Deanaibh cabhag, agus rachaibh suas a chum m’athar, agus abraibh ris, Mar so thubhairt do mhac Ioseph, Rinn Dia mis’ a’m’ uachdaran air an Eiphit uile; thig a nuas a’m’ ionnsuidh, na dean moille: 10 Agus gabhaidh tu còmhnuidh ’am fearann Ghosein, agus bithidh tu’m fagus dhomhsa, thu féin, agus do chlann, agus clann do chloinne, agus do threudan, agus do bhuar (3), agus gach ni a ta agad. 11 Agus beathaichidh mise thu ’n sin (oir fathast bithidh cùig bliadhna gorta ann) an t-eagal gu’n d’thig thu féin, agus do theaghlach, agus gach ni a ta agad, gu bochdainn. 12 Agus feuch, tha bhur sùilean a’ faicinn, agus sùilean mo bhràthar Bheniamin, gur e mo bheul féin a tha labhairt ribh. 13 Agus innsidh sibh do m’athair mo ghlòir-sa uile ’san Eiphit, agus gach ni a chunnaic sibh; agus ni sibh cabhag, agus bheir sibh a nuas m’athair ’an so. 14 Agus thuit e air mhuineal (4) a bhràthar Beniamin, agus ghuil e; agus ghuil Beniamin air a mhuineal-san. 15 Phòg e mar an ceudna a bhràithrean uile, agus ghuil e os an ceann: agus ’na dhéigh sin rinn a bhràithrean cainnt ris. 16 Agus chualas iomradh so ann an tigh Pharaoih, ag ràdh, Tha bràithrean Ioseiph air teachd: agus thaitinn e gu math re Pharaoh, agus r’a sheirbhisich. 17 Agus thubhairt Pharaoh re Ioseph, Abair re d’ bhràithribh, Deanaibh so, sacaichibh bhur n-ainmhidhean, agus imichibh, rachaibh do thìr Chanaain. 18 Agus thugaibh leibh bhur n-athair, agus bhur teaghlaichean, agus thigibh a m’ ionnsuidhs’, agus bheir mise dhuibh math tìre na h-Eiphit; agus ithidh sibh reamhrachd na tìre. 19 A nis thugadh àithne dhuit; deanaibhsa mar so: thugaibh leibh a tìr na h-Eiphit carbadan air son bhur cloinne bige, agus bhur ban, agus thugaibh bhur n-athair leibh, agus thigibh. 20 Agus na biodh suim agaibh d’ar n-airneis-tighe; oir is leibh-sa math tìre na h-Eiphit uile. (1) do’n dùthaich so (2) sliochd. (3) chrodh. (4) leum e mu mhuineal. [TD 86] GENESIS. CAIB. XLVI. 21 Agus rinn clann Israeil mar sin: agus thug Ioseph dhoibh carbadan a réir ordugh Pharaoih; agus thug e dhoibh lòn (1) air son na slighe. 22 Thug e dhoibh uile do gach aon diubh fa leth culaidhean eudaich (2); ach do Bheniamin thug e tri cheud bonn airgid, agus cùig culaidhean eudaich. 23 Agus chuir e dh’ionnsuidh athar mar so: deich asail a’ giùlan do nithibh matha na h-Eiphit, agus deich asail bhainionn a giùlan sìl, agus arain, agus lòin d’an athair air son na slighe. 24 Mar sin chuir e bràithrean air falbh, agus dh’imich iad: agus thubhairt e riu, Feuchaibh nach cuir sibh a mach air a’ chéile air an t-slighe. 25 Agus chaidh iad suas as an Eiphit, agus thàinig iad gu tìr Chanaain a dh’ionnsuidh Iacoib an athar. 26 Agus dh’innis iad da, ag ràdh, Tha Ioseph fathast beo, agus tha e ’na uachdaran air tìr na h-Eiphit uile. Agus dh’fhannaich (3) cridhe Iacoib, oir cha do chreid e iad. 27 Agus dh’innis iad da uile bhriathran Ioseiph, a labhair e riu: Agus an uair a chunnaic e na carbadan a chuir Ioseph g’a ghiùlan, dh’ath-bheothaich spiorad Iacoib an athar. 28 Agus thubhairt Israel, Is leòr e; tha Ioseph mo mhac fathast beo: théid mi agus chi mi e mum faigh mi bàs. CAIB. XLVI. AGUS dh’imich Israel maille ris gach ni a bh’aige, agus thàinig e gu Beer-seba, agus thug e suas ìobairtean do Dhia athar Isaaic. 2 Agus labhair Dia re h-Israel ann an taisbeanaibh (4) na h-oidhche, agus thubhairt e, A Iacoib, a Iacoib: Agus thubhairt esan, Tha mi ’n so. 3 Agus thubhairt e, Is mise Dia, Dia t’athar: na biodh eagal ort dol sìos do’n Eiphit; oir ni mis’ a’d’ chinneach mòr thu ’an sin. 4 Théid mise maille riut sìos do’n Eiphit; agus bheir mi mar an ceudna gu cinnteach a nìos thu rìs: agus cuiridh Ioseph a làmh air do shùilibh. 5 Agus dh’éirich Iacob suas o Bheer-seba: agus thug mic Israeil leo Iacob an athair, agus an clann bheag, agus am mnài, anns na carbadaibh a chuir Pharaoh g’a ghiùlan. 6 Agus ghabh iad an spréidh, agus am maoin, a fhuair iad ann an tìr Chanaain, agus thàinig iad do’n Eiphit, Iacob, agus a shliochd uile maille ris; 7 A mhic, agus mic a mhac maille ris, a nigheana, agus nigheanan a mhac, agus a shliochd uile thug e maille ris do’n Eiphit. 8 Agus is iad so ainmeanna chloinn Israeil, a thàinig do’n Eiphit, Iacob agus a mhic: Reuben, ceud-ghin Iacoib. 9 Agus mic Reubein; Hanoch, agus Phallu, agus Hesron, agus Carmi. 10 Agus mic Shimeoin; Iemuel, agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, agus Saul mac Ban-chanaanaich. (1) biadh. (2) atharrachadh culaidh. Eabh. (3) lagadh, lagaich. (4) seallaibh, aislingibh. [TD 87] GENESIS. CAIB. XLVI. 11 Agus mic Lebhi; Gerson, Cohat, agus Merari. 12 Agus mic Iudaih; Er, agus Onan, agus Selah, agus Phareds, agus Serah: ach fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanaain. Agus b’iad mic Phareds, Hesron, agus Hamul. 13 Agus mic Isachair; Tola, agus Phubhah, agus Iob, agus Simron. 14 Agus mic Shebuluin; Sered agus Elon, agus Iahleel. 15 Is iad sin mic Leaih, a rug i do Iacob ’am Padan-aram, maille r’a nighinn Dinah: b’iad uile anman a mhac agus a nigheana tri-deug ’ar fhichead. 16 Agus mic Ghaid; Siphion, agus Hagai, Suni, agus Esbon, Heri agus Arodi, agus Areli. 17 Agus mic Aseir; Imnah, agus Isuah, agus Isui, agus Beriah, agus Serah am piuthar. Agus mic Bheriaih; Heber, agus Malchiel. 18 Is iad sin mic Shilpaih, a thug Laban d’a nighinn Leah; agus rug i iad sin do Iacob, eadhon sè anmanna deug. 19 Mic Racheil mnà Iacoib; Ioseph, agus Beniamin. 20 Agus rugadh do Ioseph ann an tìr na h-Eiphit, Manaseh agus Ephraim, a rug Asenat nighean Photipheraih sagairt Oin dha. 21 Agus b’iad mic Bheniamin; Belah agus Becher, agus Asbel, Gera, agus Naaman, Ehi, agus Ros, Mupim, agus Hupim, agus Ard. 22 Is iad sin mic Racheil, a rugadh do Iacob: na h-anman uile, ceithir-deug. 23 Agus mic Dhain; Husim. 24 Agus mic Naphtali; Iahseel, agus Guni, agus Iedser, agus Sillem. 25 Is iad sin mic Bhilhaih, a thug Laban d’a nighinn Rachel, a rug i do Iacob: na h-anman uile, seachdnar. 26 Na h-anman uile a thàinig le Iacob do’n Eiphit, a thàinig a mach as a leasruidh, a thuilleadh air mnaibh mhac Iacoib; b’iad na h-anmanna so uile tri fichead ’s a sè. 27 Agus mic Ioseiph a rugadh dha ’san Eiphit, bu dhà anam iad: uile anmanna thighe Iacoib, a thàinig do’n Eiphit, bu tri fichead ’s a deich iad. 28 Agus chuir e Iudah roimhe gu Ioseph, chum as gu’n d’thugadh e fios dha teachd ’na làthair ann an Gosen (1); agus thàinig iad gu fearann Ghosein. 29 Agus bheartaich Ioseph a charbad, agus chaidh e suas ’an coinneamh Israeil athar gu Gosen; agus nochd se e féin da, agus thuit e air a mhuineal, agus ghuil e air a mhuineal rè tamuill. 30 Agus thubhairt Israel re Ioseph, Faigheams’ a nis bàs, o chunnaic mi do ghnùis, do bhrìgh gu bheil thu fathast beo. 31 Agus thubhairt Ioseph r’a bhràithribh, agus re teaghlach athar, Thèid mise suas, agus cuiridh mi ’n céill do Pharaoh, agus their mi ris, Tha mo bhràithrean, agus teaghlach m’ athar, a bha ann an tìr Chanaain, air teachd a’m’ ionnsuidh: 32 Agus is buachaillean (2) na daoine, oir bu luchd-spréidhe (3) iad; agus thug iad leo an treud- (1) chum gu’n seòladh e air aghaidh e gu Gosen. (2) aodhairean. (3) àirich. [TD 88] GENESIS. CAIB. XLVII. an, agus am feudail (1), agus gach ni a bh’ aca. 33 Agus tarlaidh ’nuair a ghairmeas Pharaoh oirbh, agus a their e, Ciod is ceird duibh? 34 Gu’n abair sibhse, Bu luchd-spréidhe do sheirbhisich o’r n-òige eadhon gus a nis, sinn féin agus mar an ceudna ar n-aithreacha; chum as gu’n gabh sibh còmhnuidh ann am fearann Ghosein, oir is gràineileachd do na h-Eiphitich gach buachaille spréidhe. CAIB. XLVII. ’AN sin thàinig Ioseph agus dh’innis e do Pharaoh, agus thubhairt e, Thàinig m’athair agus mo bhràithrean, agus an treudan, agus am feudail, agus gach ni a bh’ aca, a mach a tìr Chanaain; agus feuch, tha iad ann am fearann Ghosein. 2 Agus ghabh e cùignear d’a bhràithribh, agus chuir e ’n làthair Pharaoih iad. 3 Agus thubhairt Pharaoh r’a bhràithribh, Ciod is ceird duibh? Agus thubhairt iadsan re Pharaoh, Is buachaillean do sheirbhisich, sinn féin agus ar n-aithreacha. 4 Thubhairt iad mar an ceudna re Pharaoh, ’S ann gu bhi air chuairt anns an tìr a thàinig sinn, oir cha ’n’eil feur aig do sheirbhisich d’an spréidh, do bhrìgh gu bheil a’ ghorta mòr ann an tìr Chanaain: a nis uime sin, guidheamaid ort, leig le d’ sheirbhisich còmhnuidh ghabhail ’am fearann Ghosein. 5 Agus labhair Pharaoh re Ioseph, ag ràdh, Thàinig t’athair agus do bhràithrean a’t’ ionnsuidh: 6 Tha tìr na h-Eiphit romhad; anns a’ chuid a’s fearr do’n fhearann thoir air t’athair agus do bhràithribh còmhnuidh a ghabhail; gabhadh iad còmhnuidh ’am fearann Ghosein: agus ma’s aithne dhuit gu bheil ’nam measg daoine comasach (2), ni thu iad ’nan ard bhuachaillibh air mo spréidh-sa. 7 Agus thug Ioseph Iacob athair a stigh, agus chuir e ’n làthair Pharaoih e: agus bheannaich Iacob Pharaoh. 8 Agus thubhairt Pharaoh re Iacob, Ciod is aois dhuit? 9 Agus thubhairt Iacob re Pharaoh, ’Siad lài bliadhnacha mo chuairte (3) ceud agus deich bliadhna fichead: bu tearc agus olc lài bliadhnacha mo bheatha, agus cha d’ràinig iad lài bliadhnacha beatha m’ aithreacha ann an laithibh an cuairte-san. 10 Agus bheannaich Iacob Pharaoh, agus chaidh e mach as làthair Pharaoih. 11 Agus shuidhich Ioseph athair, agus a bhràithrean, agus thug e dhoibh sealbh ann an tìr na h-Eiphit, anns a’ chuid a’s fearr do’n fhearann, ann am fearann Rameseis, mar a dh’aithn Pharaoh. 12 Agus bheathaich Ioseph athair, agus a bhràithrean, agus uile theaghlach athar le h-aran, a réir an cloinne. 13 Agus cha robh aran anns an tìr uile; oir bha ghorta ro-mhòr, air chor as gu’n robh talamh na h-Eiphit, agus tìr (1) am buar, an tàin. (2) tapaidh. (3) m’eilthire. [TD 89] GENESIS. CAIB. XLVII. Chanaain uile fann (1) leis a’ ghorta. 14. Agus chruinnich Ioseph an t-airgiod uile a fhuaradh ann an tír na h-Eiphit, agus ann an tìr Chanaain, air son a’ bhìdh a cheannaich iad: agus thug Ioseph an t-airgiod do thigh Pharaoih. 15 Agus an uair a theirig airgiod ann an tìr na h-Eiphit, agus ann an tìr Chanaain, thàinig na h-Eiphitich uile gu Ioseph ag ràdh, Thoir dhuinn aran: c’ar son a gheibheamaid bàs a’d’ làthair? oir theirig ar n-airgiod. 16 Agus thubhairt Ioseph, Thugaibh seachad bhur spréidh, agus bheir mise dhuibh air son bhur spréidhe, ma theirig airgiod dhuibh. 17 Agus thug iad an spréidh gu Ioseph: agus thug Ioseph dhoibh aran air son each, agus air son nan caorach, agus air son a’ chruidh, agus air son nan asal; agus bheathaich e iad le h-aran, air son an spréidh uile, air a’ bhliadhna sin. 18 ’Nuair a chrìochnaicheadh a’ bhliadhna sin, thàinig iad d’a ionnsuidh air an dara bliadhna, agus thubhairt iad ris, Cha cheil sinne air mo thighearna gu’n do chaitheadh ar n-airgiod; tha mar an ceudna ar treudan spréidh aig mo thighearna: cha d’fhàgadh ann an sealladh mo thighearna ach ar cuirp agus ar fearann. 19 C’ar son a gheibh sinn bàs fa chomhair do shùl, araon sinne agus ar fearann? Ceannaich sinne agus ar fearann air son arain, agus bithidh sinne agus ar fearann ’nar seirbhisich do Pharaoh: agus thoir dhuinn sìol, chum as gu’m bi sinn beo, agus nach faigh sinn bàs, agus nach bi am fearann ’na fhàsach. 20 Agus cheannaich Ioseph fearann na h-Eiphit uile do Pharaoh; oir reic na h-Eiphitich gach duine fhearann féin, a chionn gu’n do bhuadhaich a’ ghorta orra: mar sin bu le Pharaoh an talamh. 21 Agus a thaobh an t-sluaigh, chuir e imrich iad (2) do bhailtibh o aon cheann chrìocha na h-Eiphit eadhon gu nuig an ceann eile dhith: 22 A mhàin fearann nan sagart cha do cheannaich e; oir dh’orduicheadh cuibhrionn do na sagartaibh le Pharaoh, agus dh’ith iad an cuibhrionn a thug Pharaoh dhoibh: uime sin cha do reic iad am fearann. 23 Agus thubhairt Ioseph ris an t-sluagh, Feuch, cheannaich mi sibh an diugh, agus bhur fearann do Pharaoh: feuch, so sìol duibh, agus cuiribh am fearann. 24 Agus tarlaidh (3), do na chinneas gu’n d’thoir sibh an cùigeadh cuid do Pharaoh, agus bithidh agaibh féin ceithir earrannan (4), air son sìl an fhearainn, agus air son bhur bìdh, agus air son muinntir bhur teaghlacha, agus air son bìdh d’ar cloinn bhig. 25 Agus thubhairt iadsan, Ghleidh thu beo sinn: faigheamaid deagh-ghean ann an sealladh mo thighearna, agus bithidh sinn ’nar seirbhisich do Pharaoh. 26 Agus rinn Ioseph sin ’na lagh gus an là ’n diugh air feadh (1) lag, anfhann. (2) dh’atharraich e iad. (3) tachairidh. (4) codacha. [TD 90] GENESIS. CAIB. XLVIII. fhearainn na h-Eiphit, gu’m bitheadh aig Pharaoh an cùigeadh cuid; saor a mhàin o fhearann nan sagart, nach bu le Pharaoh. 27 Agus ghabh Israel còmhnuidh ann an tìr na h-Eiphit, ann an talamh Ghosein; agus bha sealbh aca ann, agus shìolaich iad, agus dh’fhàs iad ro-lìonmhor. 28 Agus bha Iacob beo ann an tìr na h-Eiphit seachd bliadhna deug: agus b’iad bliadhnacha beatha Iacoib uile ceud agus dà fhichead agus seachd bliadhna. 29 Agus dhlùthaich an t-àm anns am b’éigin do Israel bàs fhaghail: agus ghairm e air a mhac Ioseph, agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi nis deagh-ghean a’d’ shealladh, cuir, guidheam ort, do làmh fuidh m’leis (1), agus buin gu caoimhneil agus gu fìrinneach rium; na h-adhlaic mi, guidheam ort, ’san Eiphit. 30 Ach luidhidh mi maille re m’ aithreachaibh: agus giùlainidh tu mi mach as an Eiphit, agus adhlaicidh tu mi ’nan àit’-adhlaic-san. Agus thubhairt esan, Ni mi mar a thubhairt thu. 31 Agus thubhairt e, Mionnaich dhomh: agus mhionnaich e dha. Agus chrom Israel e féin air ceann-adhairt na leapach. CAIB. XLVIII. AGUS ’an déigh nan nithe sin dh’innis neach do Ioseph, Feuch, tha t’athair tinn: agus thug e leis a dhà mhac, Manaseh agus Ephraim. 2 Agus dh’innis neach do Iacob, agus thubhairt e, Feuch, tha do mhac Ioseph a’ teachd a’t’ ionnsuidh: agus neartaich Israel e féin, agus shuidh e air an leabaidh. 3 Agus thubhairt Iacob re Ioseph, Dh’fhoillsich Dia uile-chumhachdach e féin dhomhsa aig Luds ann an tìr Chanaain, agus bheannaich e mi, 4 Agus thubhairt e rium, Feuch, ni mise sìolmhar agus lìonmhor thu, agus ni mi thu a’d’ choi’-thional chinneach (2), agus bheir mi am fearann so do d’shliochd a’d’ dhéigh mar sheilbh shiorruidh. 5 Agus a nis do dhithis mhac, Ephraim agus Manaseh, a rugadh dhuit ann an tìr na h-Eiphit, mun d’thàinig mis’ a’t’ ionnsuidh do’n Eiphit, is leamsa iad; mar Reuben agus Shimeon bithidh iad leamsa. 6 Agus bithidh do shliochd, a ghineas tu ’nan déigh, leat féin: a réir ainm am bràithre goirear iad ’nan seilbh féin. 7 Agus air mo shon-sa dheth, ’nuair a thàinig mi o Phadan, fhuair Rachel bàs agam ann an tìr Chanaain air an t-slighe, ’nuair nach robh fathast ach astar goirid re teachd gu h-Ephrat: agus dh’adhlaic mi ’n sin i air an t-slighe gu h-Ephrat; ’s e sin Betlehem. 8 Agus chunnaic Israel mic Ioseiph, agus thubhairt e, Cò iad sin? 9 Agus thubhairt Ioseph r’a athair, ’S iad mo mhic-sa iad, a thug Dia dhomh ’an so: agus (1) shliasaid. (2) sluaigh. [TD 91] GENESIS. CAIB. XLIX. thubhairt e, Thoir a’m’ ionnsuidh iad, guidheam ort, agus beannaichidh mi iad. 10 Agus bha sùilean Israeil trom le h-aois, air chor nach bu léir dha gu math: agus thug e ’m fagus da iad, agus phòg e iad, agus ghabh e ’na ghlacaibh iad. 11 Agus thubhairt Israel re Ioseph, Cha do shaoil mi gu’m faicinn do ghnùis, agus feuch, nochd Dia dhomh mar an ceudna do shliochd. 12 Agus thug Ioseph a mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom se e féin le aghaidh gu làr. 13 Agus ghabh Ioseph iad le chéile, Ephraim ’na làimh dheis o làimh chli Israeil, agus Manaseh ’na làimh chli o làimh dheis Israeil; agus thug e ’m fagus da iad. 14 Agus shìn Israel a mach a làmh dheas, agus chuir e i air ceann Ephraim, am mac a b’òige, agus a làmh chli air ceann Mhanaseih: stiuir e a làmha gu seòlta; oir b’e Manaseh an ceud-ghin. 15 Agus bheannaich e Ioseph, agus thubhairt e, Gu’n deanadh Dia, ’an làthair an do ghluais m’aithreacha Abraham agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là’n diugh, 16 An t-aingeal a shaor mi o gach olc, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm-sa orra, agus ainm m’aithreacha Abrahaim agus Isaaic: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ’am meadhon na talmhainn. 17 Agus an uair a chunnaic Ioseph gu’n do chuir athair a làmh dheas air ceann Ephraim, cha do thaitinn e ris: agus chum e suas làmh athar, a chum a h-atharrachadh o cheann Ephraim gu ceann Mhanaseih. 18 Agus thubhairt Ioseph r’a athair, Ni h-ann mar sin, athair: oir is e so an ceud-ghin; cuir do làmh dheas air a cheann. 19 Agus dhiùlt athair, agus thubhairt e, Ta fhios agam, a mhic, ta fhios agam; bithidh esan cuideachd ’na shluagh, agus fàsaidh e mar an ceudna mòr: ach gu deimhin bithidh a bhràthair a’s òige ni’s mò na e, agus bithidh a shliochd ’nan iomadaidh (1) chinneach. 20 Agus bheannaich e iad air an là sin, ag ràdh, Ionnad-sa beannaichidh Israel, ag ràdh, Gu deanadh Dia thu mar Ephraim, agus mar Mhanaseh: agus chuir e Ephraim roimh Mhanaseh. 21 Agus thubhairt Israel re Ioseph, Feuch, a taims’ a’ faghail a’ bhàis; ach bithidh Dia maille ribhse, agus bheir e rìs sibh gu dùthaich bhur n-aithreacha. 22 Agus thug mise dhuit aon chuid-roinne thar do bhràithrean, a bhuin mi mach a làimh an Amoraich le m’ chloidheamh agus le m’ bhogha. CAIB. XLIX. AGUS ghairm Iacob air a mhic, agus thubhairt e, Cruinnichibh sibh féin ’an ceann a chéile, chum as gu’n innis mi dhuibh ciod a tharlas dhuibh ’sna laithibh deireannach. 2 Cruinnichibh sibh féin ’an ceann a chéile, agus cluinnibh, a mhaca Iacoib, agus éisdibh re h-Israel bhur n-athair, (1) mòran. [TD 92] GENESIS. CAIB. XLIX. 3 A Reubein, is tu mo cheud-ghin, mo threise, agus toiseach mo neirt, òirdheirceas (1) àrd-inbhe (2), agus òirdheirceas cumhachd. 4 Neo-sheasmach (3) mar uisge cha d’thoir thu barrachd, do bhrì’ gu’n deachaidh tu suas do leabaidh t’ athar: ’an sin thruaill thu i; chaidh e suas do m’ uirigh. 5 Is bràithre Simeon, agus Lebhi: tha innil aingidheachd ’nan àitibh-còmhnuidh (4). 6 ’Nan dìomhaireachd (5) na d’thigeadh m’anamsa; r’an coi’-thional na bitheadh m’ onoirs’ air a h-aonah: oir ’nan corruich mharbh iad duine, agus ’nam féin-thoil leag iad sìos balla. 7 Mallaichte gu’n robh an corruich, oir bha i garg; agus am fearg, oir bha i ain-iochdmhar: roinnidh mi iad ann an Iacob, agus sgaoilidh (6) mi iad ann an Israel. 8 A Iudaih, molaidh do bhràithrean thusa; bithidh do làmh ’am muineal do naimhde: cromaidh clann t’athar iad féin sìos a’d’ làthair. 9 Is cuilean leòmhain Iudah; o’n chobhartaich (7), a mhic, chaidh tu suas: chrom se e féin sìos, chrùb e mar leòmhan, agus mar sheann leòmhan; cò dhùisgeas suas e? 10 Cha dealaich an t-slat-rioghail re Iudah, no lagh-thabhartair o eadar a chosa, gus an d’thig Sìloh, agus dha-san géillfidh na slòigh (8): 11 A’ ceangal a shearraich ris an fhìneamhain, agus loth asail ris an fhìneamhain thaghta; nigh e eudach ’am fìon, agus a thrusgan ’am fuil nam fìon-dhearc. 12 Bithidh a shùilean ni’s deirge na fìon, agus fhiacla ni’s gile na bainne (9). 13 Gabhaidh Sebulun còmhnuidh aig caladh a’ chuain, agus bithidh e air son calaidh long; agus bithidh eir-thir (10) gu nuig Sidon. 14 Is asal làdair Isachar, a’ crùbadh sìos eadar dhà eallaich (11). 15 Agus chunnaic e gu’m bu mhath an ni fois, agus gu’n robh am fearann taitneach; agus chrom e ghuala gu iomchar, agus rinneadh e ’na sheirbhiseach do chìs. 16 Bheir Dan breth air a shluagh, mar aon do threubhaibh Israeil. 17 Bithidh Dan ’na nathair air an ròd, ’na nathair-nimhe air an t-slighe, a theumas sàiltean an eich, air chor as gu’n tuit a mharcaich ’an coinneamh a chùil. 18 Re d’ shlàinte dh’fheith mise, O Thighearna. 19 Gad, bheir buidheann buaidh air: ach bheir esan buaidh fa dheireadh. 20 A mach a h-Aser bithidh aran-san reamhar, agus bheir e uaith sògh rìoghail. 21. Is eilid air a leigeadh fuasgailte Naphtali; bheir e focail thaitneach uaith. 22 Is geug thorrach Ioseph, geug thorrach làimh re tobar, aig am bheil a meanglain a’ sgaoileadh thar a’ bhalladh. (1) barrachd. (2) mòrachd. (3) Atmhor. Eabh. (4) is innil foirneirt an comhairlean aingidh r’ a chéile. (5) diùbhras. (6) sgapaidh (7) o’n chreich. (8) d’a ionnsuidh-san bithidh cruinneachadh nam pobul. (9) Bithidh a shùilean dearg le fìon, agus fhiacla geal le bainne. (10) iomall. (11) uallaich. [TD 93] GENESIS. CAIB. L. 23 Chràidh na fir-bhogha gu geur e, agus thilg iad air, agus dh’fhuathaich iad e. 24 Ach dh’fhan a bhogha ’na neart, agus rinneadh gairdeana (1) a làmh làdair le làmhaibh Dé chumhachdaich Iacoib; (uaithe sin tha ’m buachaille, cloch Israeil). 25 Eadhon le Dia t’athar, a ni còmhnadh leat, agus leis an Uile-chumhachdach, a bheannaicheas thu le beannachdaibh nèimh o’n àirde, beannachdaibh na doimhne shìos, beannachdaibh nan cìoch, agus na bronn. 26 Thug beannachda t’athar barrachd air beannachdaibh mo shinnseara, gu nuig foir-iomall (2) nan sliabh sìorruidh; bithidh iad air ceann Ioseiph, agus air mullach a chinn-san a sgaradh o bhràithribh. 27 Ni Beniamin fiadhach mar mhadadh-alluidh: sa’ mhadainn ithidh e chobhartach (3), agus ’san fheasgar roinnidh e chreach. 28 Is iad sin uile dà threubh dheug Israeil: agus ’s e so an ni a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon ac’ a réir a bheannachaidh, bheannaich e iad. 29 Agus dh’àithn e dhoibh, agus thubhairt e riu, Cruinnichear mise chum mo dhaoine: adhlaicibh mi maille re m’ aithreachaibh ’san uaimh a ta ann an achadh Ephroin an Hitich, 30 ’San uaimh a ta ann an achadh Mhachpelaih, a ta fa chomhair Mhamre, ann an tìr Chanaain, a cheannaich Abraham maille ris an achadh o Ephron an t-Hiteach, mar sheilbh àit’-adhlaic. 31 (’An sin dh’adhlaic iad Abraham agus Sarah a bhean; ’an sin dh’adhlaic iad Isaac agus Rebecah a bhean; agus ’an sin dh’adhlaic mise Leah.) 32 Cheannaicheadh an t-achadh, agus an uaimh a ta ann, o chloinn Het. 33 Agus an uair a chrìochnaich Iacob àitheanta thoirt d’a mhic, chruinnich e chosan suas do’n leabaidh, agus chaochail (4) e, agus chruinnicheadh e chum a dhaoine. CAIB. L. AGUS thuit Ioseph air aghaidh athar, agus ghuil e air, agus phòg se e. 2 Agus dh’àithn Ioseph d’a sheirbhisich na léighean (5) spìosraidh chur (6) air corp athar: agus chuir na léighean spìosraidh air Israel. 3 Agus choi’-lionadh air a shon dà-fhichead là (oir mar so coi’-lionar lài na muinntir sin air an cuirear spìosraidh;) agus rinn na h-Eiphitich bròn air a shon deich is tri fichead là. 4 Agus an uair a chaidh lài a bhròin thairis, labhair Ioseph re teaghlach Pharaoih, ag ràdh, A nis ma fhuair mi deagh-ghean ’nar sùilibh, labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasaibh Pharaoih, ag ràdh, 5 Ghabh m’athair mionnan diom, ag ràdh, Feuch, a ta mis’ a’ faghail a’ bhàis (7): a’m’ uaigh a chladhaich mi dhomh féin ann an tìr Chanaain, ’an sin adhlaic- (1) righeach. (2) miann, deigh. Eabh. (3) am fiadhach. (4) dh’eug. (5) lighichean. (6) embalm. Sasg. (7) ta mise dlù do’n bhàs. [TD 94] GENESIS. CAIB. L. idh tu mi. A nis uime sin leig dhomh dol suas, guidheam ort, agus m’athair adhlac, agus thig mi rìs. 6 Agus thubhairt Pharaoh, Falbh suas, agus adhlaic t’athair, a réir mar a ghabh e mionnan dìot. 7 Agus chaidh Ioseph suas a dh’adhlac athar: agus maille ris chaidh seirbhisich Pharaoih suas uile, seanairean a thighe, agus uile sheanairean tìre na h-Eiphit, 8 Agus teaghlach Ioseiph uile, agus a bhràithrean, agus teaghlach athar: a mhàin dh’fhàg iad an clann bheag, agus an caoraich, agus am buar (1), ’am fearann Ghosein. 9 Agus chaidh suas maille ris, araon carbadan agus marc-shluagh: agus bha chuideachd ro-mhòr. 10 Agus thàinig iad gu h-urlar-bualaidh Ataid, a tha ’n taobh thall do Iordan; agus rinn iad bròn ’an sin le caoidh mhòir agus ro-chràitich (2): agus rinn e bròn air son athar seachd lài. 11 Agus an uair a chunnaic luchd-àiteachaidh na tìre, na Canaanaich, am bròn ann an urlar Ataid, thubhairt iad, Is doilgheasach am bròn so do na h-Eiphitich: uime sin thugadh Abel-misraim mar ainm air, a tha ’n taobh thall do Iordan. 12 Agus rinn a mhic dha mar a dh’àithn e dhoibh: 13 Oir ghiùlain a mhic e do thìr Chanaain, agus dh’adhlaic iad e ann an uaimh achaidh Mhachpelaih, a cheannaich Abraham maille ris an achadh mar sheilbh àit’-adhlaic o Ephron an t-Hiteach fa chomhair Mhamre. 14 Agus phill Ioseph do’n Eiphit, e féin agus a bhràithrean, agus iadsan uil’ a chaidh suas maille ris a dh’adhlac athar, ’an déigh dha athair adhlac. 15 Agus an uair a chunnaic bràithrean Ioseiph gu’n d’fhuair an athair bàs, thubhairt iad, Theagamh gu’n d’thoir Ioseph fuath dhuinn, agus gu’n dìol e gu cinnteach oirn an t-olc sin uile a rinn sinn air. 16 Agus chuir iad teachdairean gu Ioseph, ag ràdh, Dh’àithn t’athair mun d’fhuair e bàs, ag ràdh, 17 Mar so their sibh re Ioseph, Math (3), guidheam ort a nis, eucoir (4) do bhràithrean, agus am peacadh, do bhrìgh gu’n d’ rinn iad olc ort: agus a nis, guidheam ort, math eucoir sheirbhiseach Dhé t’athar. Agus ghuil Ioseph an uair a labhair iad ris. 18 Agus chaidh a bhràithre mar an ceudna, agus thuit iad sìos ’na làthair, agus thubhairt iad, Feuch, is seirbhisich dhuit sinne. 19 Agus thubhairt Ioseph riu, Na biodh eagal oirbh; oir am bheil mise ’n àite Dhé? 20 Agus d’ar taobh-sa, shunraich (5) sibh olc a’m’ aghaidh; ach shunraich Dia sin a chum maith, a chum, mar air an là ’n diugh, gu’n tearnadh e mòr shluagh beo. 21 A nis uime sin na biodh eagal oirbh: altrumaidh (6) mise sibh, agus bhur clann bheag. Agus thug e co’-fhurtachd (1) crodh. (2) ro-ghoirt. (3) Maith, lagh. (4) ea-coir. (5) dhealbh, smuainich. (6) àraichidh. [TD 95] GENESIS. CAIB. L. dhoibh, agus labhair e gu caoimhneil riu. 22 Agus ghabh Ioseph còmhnuidh ’san Eiphit, e féin agus teaghlach athar: agus bha Ioseph beo ceud agus deich bliadhna. 23 Agus chunnaic Ioseph clann Ephraim, do’n treas ginealach: thogadh suas mar an ceudna clann Mhachir mhic Mhanaseih air glùinibh Ioseiph. 24 Agus thubhairt Ioseph r’a bhràithribh, A ta mis’ a’ faghail a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse (1), agus bheir e mach sibh as an fhearann so do’n fhearann a mhionnaich e do Abraham, do Isaac, agus do Iacob. 25 Agus ghabh Ioseph mionnan do chloinn Israeil, ag ràdh, Amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus giùlainidh sibh mo chnàmhan-sa suas as so. 26 Agus fhuair Ioseph bàs, agus e ceud agus deich bliadhna dh’aois: agus chuir iad spìosraidh air, agus chuireadh ann an ciste-mhairbh e ’san Eiphit. (1) fiosraichidh Dia gu cinnteach sibhse. [TD 96] ECSODUS. CAIB. I. A Nis is iad so ainmeanna chloinn Israeil, a thàinig do’n Eiphit; thàinig gach duine agus a theaghlach maille re Iacob: 2 Reuben, Simeon, Lebhi, agus Iudah, 3 Isachar, Sebulun, agus Beniamin, 4 Dan, agus Naphtali, Gad, agus Aser. 5 Agus na h-anman uile a thàinig a mach a leasraidh Iacoib, bu deich agus tri fichead anam iad; oir bha Ioseph ’san Eiphit a cheana. 6 Agus fhuair Ioseph bàs, agus a bhràithrean uile, agus an ginealach (1) sin uile. 7 Agus bha clann Israeil sìolmhar, agus dh’fhàs iad gu mòr, agus rinneadh lìonmhor iad, agus chinn (2) iad ro-chumhachdach; agus lìonadh an tìr leo. 8 A nis dh’éirich righ ùr air an Eiphit, do nach b’aithne Ioseph. 9 Agus thubhairt e r’a shluagh, Feuch, tha sluagh chloinn Israeil ni’s lìonmhoire agus ni’s cumhachdaiche na sinne. 10 Thigibh, buineamaid gu seòlta (3): an t-eagal gu’m fàs iad lìonmhor, agus gu’n tachair e, ’nuair a dh’éireas cogadh, gu’n gabh iadsan mar an ceudna le ’r naimhdibh-ne, agus gu’n cog iad (4) ’nar n-aghaidh, agus gu’n d’théid iad a mach as an tìr. 11 Uime sin chuir iad maighstirean-oibre (5) orra, chum an sàrachadh le’n eallachaibh (6). Agus thog iad bailtean-ionmhais (7) do Pharaoh, Pitom agus Raamses. 12 Ach mar is mò a shàraich siad iad, ’s ann is mò a rinneadh iadsan lìonmhor agus a dh’fhàs iad. Agus bha iad fuidh dhoilgheas (8) air son chloinn Israeil. 13 Agus thug na h-Eiphitich air cloinn Israeil seirbhis a dheanamh le cruadhas (9). 14 Agus rinn iad am beatha searbh dhoibh le daorsa chruaidh, ann am moirtear, agus ann an clachaibh-creadha, agus anns gach gnè oibre ’sa’ mhachair: bha an obair uile, anns an d’thug iad orra obair a dheanamh, le cruadhas. 15 Agus labhair righ na h-Eiphit re mnaibh-glùine nan Eabhruidheach (b’e ainm a h-aon diubh Siphrah, agus ainm na té eile Puah;) 16 Agus thubhairt e, ’Nuair a ni sibh gnìomh mnà-glùine do na mnaibh Eabhruidheach, agus a chi sibh iad air na stòlaibh (10); ma’s mac a bhios ann, ’an sin marbhaidh sibh e, ach (1) àl. (2) dh’fhàs. (3) glic. (4) gu’n dean iad cogadh. (5) cinn-oibre. (6) uallachaibh, eiribh. (7) bailte-stòir. (8) im-cheist. (9) an-iochd, peingilteachd. (10) suidheachanaibh, cathraichibh. [TD 97] ECSODUS. CAIB. II. ma’s nighean a bhios ann, bithidh si beo. 17 Ach bha eagal Dé air na mnaibh-glùine, agus cha d’rinn iad mar a dh’àithn righ na h-Eiphit dhoibh, ach ghleidh iad a’ chlann mhac beo. 18 Agus ghairm righ na h-Eiphit air na mnaibh-glùine, agus thubhairt e riu, C’ar son a rinn sibh an ni so, agus a ghleidh sibh a’ chlann mhac beo? 19 Agus thubhairt na mnài-ghlùine re Pharaoh, A chionn nach ’eil na mnài Eabhruidheach mar na mnài Eiphiteach: oir tha iad féin beothail (1), agus air an aisead mu’n d’thig na mnài-ghlùine a steach d’an ionnsuidh. 20 Uime sin bhuin Dia gu math ris na mnaibh-glùine: agus rinneadh an sluagh lìonmhor, agus dh’fhàs iad ro-chumhachdach. 21 Agus a chionn gu’n robh eagal Dé air na mnaibh-glùine, rinn e tighean dhoibh. 22 Agus thug Pharaoh àithne (2) d’a shluagh uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear tilgidh sibh ’san abhainn, agus gach nighean gleidhidh sibh beo. CAIB. II. AGUS chaidh duine do thigh Lebhi, agus ghabh e nighean do Lebhi ’na mnaoi. 2 Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac: agus an uair a chunnaic i gu’n robh e ’na leanabh tlachdmhor, dh’fholaich i e rè thri mìosa. 3 Agus an uair nach b’urrainn i fholach ni b’ fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce (3), agus chuir i thairis (4) e le làthaich agus le pic (5), agus chuir i ’n leanabh ann; agus chuir i e ’sa’ chuilc aig bruaich na h-aibhne. 4 Agus sheas a phiuthar am fad uaith, a dh’fhaicinn ciod a dheanta ris. 5 Agus thàinig nighean Pharaoih a nuas g’a nigheadh féin ’san abhainn, agus bha a maighdeana ’g imeachd re taobh na h-aibhne; agus an uair a chunnaic i’n cobhan ’am measg na cuilce, chuir i a ban-oglach g’a thoirt d’a h-ionnsuidh. 6 Agus an uair a dh’fhosgail i e, chunnaic i ’n leanabh: agus feuch, ghuil an naoidhean. Agus ghabh i truas ris, agus thubhairt i, Is aon so do chloinn nan Eabhruidheach. 7 ’An sin thubhairt a phiuthar re nighean Pharaoih, An d’théid mis’, agus an gairm mi dhuit banaltrum do na mnaibh Eabhruidheach, a chum as gu’n altrum i’n leanabh dhuit? 8 Agus thubhairt nighean Pharaoih ria, Falbh. Agus chaidh a’ mhaighdean, agus ghairm i màthair an leinibh. 9 Agus thubhairt nighean Pharaoih ria, Thoir an leanabh so leat, agus altrum dhomhsa e, agus bheir mi dhuit do thuarasdal. Agus ghabh a’ bhean an leanabh, agus dh’altrum i e. 10 Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e dh’ionnsuidh nighinn Pharaoih, agus bha e ’na mhac dh’i. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gu’n do tharruing mi mach e. 11 Agus tharladh anns na laithibh sin, an uair a dh’fhàs Maois suas, gu’n deachaidh è (1) teòma. (2) sparradh. (3) ciste luacharach. (4) chòmhdaich, shlìob, spairt i. (5) bìgh. [TD 98] ECSODUS. CAIB. III. mach a dh’ionnsuidh a bhràithrean, agus gu’n d’amhairc e air an eallachaibh: agus chunnaic e Eiphiteach a’ bualadh Eabhruidhich aon d’a bhràithribh. 12 Agus dh’amhairc e ’n taobh so agus an taobh ud, agus an uair a chunnaic e nach robh aon duine ann, mharbh e ’n t-Eiphiteach, agus dh’fholaich e ’sa’ ghaineamh e. 13 Agus an uair a chaidh e mach an dara (1) là, feuch, bha dithis do na h-Eabhruidhich a’ strì r’a chéile; agus thubhairt e ris-san a rinn an eucoir, C’ar son a bhuaileas tu do choimhearsnach (2)? 14 Agus thubhairt e, Cò rinn thusa a’d’ uachdaran agus a’d’ bhreitheamh oirnne? am miann leat mis’ a mharbhadh, mar a mharbh thu ’n t-Eiphiteach? agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha ’n ni so aithnichte. 15 A nis an uair a chuala Pharaoh an ni so, dh’iarr e Maois a mharbhadh, ach theich Maois o aghaidh Pharaoih, agus ghabh e còmhnuidh ann an tìr Mhidiain; agus shuidh e sìos làimh re tobar. 16 A nis bha aig sagart Mhidiain seachdnar nighean: agus thàinig iad agus tharruing iad uisge, agus lìon iad na h-amair a thoirt uisge do threud an athar. 17 Agus thàinig na buachaillean agus dh’fhuadaich iad air falbh iad: ach sheas Maois suas agus chuidich e leo, agus thug e uisge d’an treud. 18 Agus an uair a thàinig iad gu Reuel an athair, thubhairt e, Cionnus a thàinig sibh co luath an diugh? 19 Agus thubhairt iad, Shaor Eiphiteach sinn a làimh nam buachaillean, agus mar an ceudna tharruing e uisge gu leòr dhuinn, agus thug e uisge do’n treud. 20 Agus thubhairt esan r’a nigheanaibh, Agus c’àit’ am bheil e? C’ar son a dh’fhàg sibh an duine? Gairmibh air, a chum’s gu’n ith e aran. 21 Agus bha Maois toileach còmhnuidh ghabhail maille ris an duine; agus thug e Siporah a nighean do Mhaois mar mhnaoi. 22 Agus rug i mac dha, agus thug e Gersom mar ainm air: oir thubhairt e, Bha mi ’m choigreach ann an tìr aineoil (3). 23 Agus tharladh ’an ceann mòrain laithean, gu’n d’fhuair righ na h-Eiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich air son na daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, air son na daorsa. 24 Agus chuala Dia an osnaich, agus chuimhnich Dia a choi’-cheangal re h-Abraham, re h-Isaac, agus re Iacob. 25 Agus dh’amhairc Dia air cloinn Israeil, agus dh’fhiosraich se iad. CAIB. III. A Nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro athar-céile, sagairt Mhidiain: agus thug e ’n treud gu taobh cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhé, gu Horeb. 2 Agus dh’fhoillsicheadh ain- (1) darna. (2) chompanach. (3) ann an dùthaich choimhich. [TD 99] ECSODUS. CAIB. III. geal an Tighearna dha ann an lasair theine a meadhon pris: agus dh’amhairc e, agus feuch, bha ’m preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh. 3 Agus thubhairt Maois, Tionndaidh mi nis a leth-taobh, agus chi mi ’n sealladh mòr so, c’ar son nach ’eil am preas air a losgadh. 4 Agus an uair a chunnaic an Tighearna gu’n do thionndaidh e a leth-taobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air a meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi ’n so. 5 Agus thubhairt e, Na d’thig am fagus ’an so; cuir dhìot do bhròga bhàrr do chos, oir an t-àit’ air am bheil thu d’ sheasamh, is talamh naomh e. 6 Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia t’athar, Dia Abrahaim, Dia Isaaic, agus Dia Iacoib. Agus dh’fholaich Maois aghaidh: oir bha eagal air amharc air Dia. 7 Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a ta ’san Eiphit, agus chuala mi ’n glaodh air son am maighstirean-oibre: oir is aithne dhomh an doilgheas. 8 Agus thàinig mi nuas g’an saoradh a làimh nan Eiphiteach, agus g’an toirt suas a mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsuing, gu fearann a ta sruthadh le bainne agus mil; gu àite nan Canaanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach agus nan Iebusach. 9 A nis uime sin, feuch, tha glaodh chloinn Israeil air teachd a’m’ ionnsuidhsa: agus mar an ceudna chunnaic mi am fòireigin (1) leis am bheil na h-Eiphitich ’g am fòireigneadh. 10 Agus a nis thig, agus cuiridh mi thu dh’ionnsuidh Pharaoih, a chum as gu’n d’thoir thu mach mo shluagh clann Israeil as an Eiphit. 11 Agus thubhairt Maois re Dia, Cò mise, gu’n rachainn a dh’ionnsuidh Pharaoih, agus gu’n d’thugainn a mach clann Israeil as an Eiphit? 12 Agus thubhairt e, Bithidh mise gu cinnteach leat; agus bithidh so ’na chomhara dhuit, gu’n do chuir mise uam thu: ’nuair a bheir thu mach an sluagh as an Eiphit, ni sibh aoradh do Dhia air an t-sliabh so. 13 Agus thubhairt Maois re Dia, Feuch, an uair a thig mi dh’ionnsuidh cloinn Israeil, agus a their mi riu, Chuir Dia bhur n-aithreacha mise d’ar n-ionnsuidh; agus a their iad rium, Ciod is ainm dha? Ciod a their mi riu. 14 Agus thubhairt Dia re Maois, IS MI AN TI A’S MI: Agus thubhairt e, Mar so their thu re cloinn Israeil, Chuir IS MI mise d’ar n-ionnsuidh. 15 Agus thubhairt Dia thuill’ air so re Maois, Mar so their thu re cloinn Israeil, Chuir an Tighearna Dia bhur n-aithreacha, Dia Abrahaim, Dia Isaaic, agus Dia Iacoib, mise d’ar n-ionnsuidh: ’s e so m’ ainm a chaoidh’, agus ’s e so mo chuimhneachan do gach uile ghinealach. 16 Imich agus crunnich r’a (1) foirneart, ainneart. [TD 100] ECSODUS. CAIB. IV. chéile seanairean Israeil, agus abair riu, Dh’fhoillsich an Tighearna Dia bhur n-aithreacha e féin dhomhsa, Dia Abrahaim, Isaaic, agus Iacoib, ag ràdh, Gu cinnteach dh’amhairc mi oirbh, agus chunnaic mi an ni a rinneadh oirbh ’san Eiphit. 17 Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh a h-àmhghar na h-Eiphit, gu fearann nan Canaanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a ta sruthadh le bainne agus mil. 18 Agus éisdidh iadsan re d’ ghuth: agus théid thu féin agus seanairean Israeil, gu righ na h-Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna Dia nan Eabhruidheach sinne: agus a nis leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar thri lathan do’n fhasach, chum as gu’n ìobair sinn (1) do’n Tighearn ar Dia. 19 Agus is deimhin leam nach leig righ na h-Eiphit leibh imeachd, cha leig eadhon le làimh làdair (2). 20 Agus sìnidh mis’ a mach mo làmh, agus buailidh mi ’n Eiphit le m’ iongantasan uile, a ni mi ’n a meadhon: agus ’an déigh sin leigidh e dhuibh imeachd. 21 Agus bheir mise do’n t-sluagh so deagh-ghean (3) ann an sealladh nan Eiphiteach: agus tarlaidh, ’nuair a dh’fhalbhas sibh, nach falbh sibh falamh; 22 Ach iarraidh gach bean (4) o ban-choimhearsnaich, agus o’n mhnaoi a bhios air aoidheachd ’na tigh, seudan (5) airgid, agus seudan òir, agus eudach: agus cuiridh sibh iad air bhur mic, agus air bhur nigheanaibh; agus creachaidh sibh na h-Eiphitich (6). CAIB. IV. AGUS fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach feuch, cha chreid iad mi, ni mò dh’éisdeas iad re m’ ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein (7) an Tighearn e féin dhuit. 2 Agus thubhairt an Tighearna ris, Ciod sin ann do làimh? Agus thubhairt esan, Slat. 3 Agus thubhairt e, Tilg air an làr i; agus thilg e air an làr i, agus rinneadh i ’na nathair: agus theich Maois roimpe. 4 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Cuir a mach do làmh, agus glac air a h-earr (8) i. Agus chuir e mach a làmh, agus rug e oirre, agus rinneadh slat dh’i ’na làimh. 5 Chum as gu’n creid iad gu’n d’fhoillsich an Tighearna Dia an aithreacha, Dia Abrahaim, Dia Isaaic, agus Dia Iacoib, e féin dhuit. 6 Agus thubhairt an Tighearn a thuill’ air so ris, Cuir a nis do làmh a’d’ bhroilleach; agus chuir e a làmh ’na bhroilleach: agus an uair a thug e mach i, feuch, bha a làmh lobhrach mar shneachda. 7 Agus thubhairt e, Cuir do làmh a rìs a’d’ bhroilleach; agus chuir e làmh a rìs ’na bhroilleach, agus thug e mach a (1) gu’n d’thoir sinn ìobairt. (2) ach le làimh làdair. (3) fàbhor. (4) iarraidh gach bean ’an iasachd, no’n coingheall. (5) soithichean. Eabh. (6) an Eiphit. (7) Cha d’fhoillsich. (8) earrball. [TD 101] ECSODUS. CAIB. IV. bhroilleach i, agus feuch, dh’iompaicheadh (1) i mar a’ chuid eile d’ a fheoil. 8 Agus tarlaidh, mur creid iad thu, agus mur éisd iad re guth a’ cheud chomharaidh, gu’n creid iad guth a’ chomharaidh dheireannaich. 9 Agus tarlaidh, mur creid iad mar an ceudna an dà chomhara sin, agus mur éisd iad re d’ ghuth, gu’n gabh thu cuid a dh’uisge na h-aibhne, agus gu’n dòirt thu air an talamh thioram e: agus fàsaidh ’n t-uisg’ a bheir thu as an abhainn, ’na fhuil air an talamh thioram. 10 Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas-chainnteach mi aon chuid roimhe so (2), no o’n àm ’san do labhair thusa re d’ sheirbhiseach; do bhrì’ gu’m bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh. 11 Agus thubhairt an Tighearna ris, Cò a rinn beul an duine? no cò a rinn am balbh, no’m bodhar, no’n ti a chi, no’n dall? Nach mise an Tighearna? 12 A nis uime sin imich, agus bithidh mise le d’ bheul, agus teagaisgidh mi dhuit ciod a their thu. 13 Agus thubhairt e, O mo Thighearna, cuir, guidheam ort, le làimh an ti a chuireas tu (3). 14 Agus las corruich an Tighearna ’n aghaidh Mhaois, agus thubhairt e, Nach e Aaron an Lebhitheach do bhràthair? tha fhios agam gu’n labhair esan gu math. Agus mar an ceudna, feuch, tha e teachd a mach a’d’ choinneamh; agus an uair a chi e thu, bithidh e subhach ’na chridhe. 15 Agus labhraidh tusa ris, agus cuiridh tu focail ’na bheul: agus bithidh mise le d’ bheul, agus le bheul-san, agus teagaisgidh mi dhuibh ciod a ni sibh. 16 Agus labhraidh esan air do shon-sa ris an t-sluagh: agus bithidh esan, bithidh eadhon esan dhuit ’an àite beoil, agus bithidh tusa dhasan ’an àite Dhé. 17 Agus gabhaidh tu ’n t-slat so ann do làimh, leis an dean thu comharan. 18 Agus dh’imich Maois agus phill e gu Ietro athair-céile, agus thubhairt e ris, Théid mi nis, agus pillidh mi chum mo bhràithrean a ta ’san Eiphit, agus chi mi ’m bheil iad fathast beo. Agus thubhairt Ietro re Maois, Imich ’an sìth. 19 Agus thubhairt an Tighearna re Maois ann am Midian, Imich, pill do’n Eiphit: oir tha na daoine sin uile marbh a bha ’g iarraidh t’anma. 20 Agus ghabh Maois a bhean, agus a mhic, agus chuir e iad air asal, agus phill e do thalamh na h-Eiphit. Agus ghabh Maois slat Dhé ’na làimh. 21 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, An uair a dh’imicheas tu chum pilltinn do’n Eiphit, thoir an aire (4) gu’n dean thu na h-iongantais sin uile, a chuir mis’ ann ad làimh, ’am fianuis Pharaoih: ach cruadhaichidh mis’ a chridhe, agus cha leig e leis an t-sluagh imeachd. 22 Agus their thu re Pharaoh, Mar so tha’n Tighearn ag (1) thionndadhadh. (2) o’n dé no ’n là roimhe sin. (3) a chi thu iomchuidh a chur. (4) faic. [TD 102] ECSODUS. CAIB. V. ràdh, ’S e Israel mo mhac, mo cheud-ghin. 23 Agus tha mi ’g ràdh riut, Leig le m’mhac imeachd, a chum as gu’n dean e seirbhis dhomh: agus ma dhiùltas tu leigeadh (1) leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac-sa, eadhon do cheud-ghin. 24 Agus tharladh air an t-slighe ’san tigh-tàimh (2), gu’n do choinnich an Tighearn e, agus gu’n d’iarr e mharbhadh. 25 ’An sin ghabh Siporah clach gheur, agus thimchioll-ghearr i roimh-chroicionn a mic, agus thilg i aig a chasaibh e, agus thubhairt i, Gu cinnteach is fear-pòsda fuileachdach dhomhsa thu. 26 Agus leig e uaith e: ’an sin thubhairt i, Is fear-pòsda fuileachdach thu air son an timchioll-ghearraidh. 27 Agus thubhairt an Tighearna re h-Aaron, Imich ’an coinneamh Mhaois do’n fhàsach. Agus dh’imich e, agus choinnich se e ann an sliabh Dhé, agus phòg se e. 28 Agus dh’innis Maois do Aaron uile bhriathran an Tighearn, a chuir uaith e, agus na comharan uile a dh’aithn e dha. 29 Agus chaidh Maois agus Aaron, agus chruinnich iad seanairean chloinn Israeil uile. 30 Agus labhair Aaron na briathran uile a labhair an Tighearna re Maois, agus rinn e na comharan ann an sealladh an t-sluaigh. 31 Agus chreid an sluagh: agus an uair a chual’ iad gu’n d’amhairc an Tighearn air cloinn Israeil, agus gu’m fac’ e an àmhghar, ’an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad aoradh. CAIB. V. AGUS ’na dhéigh sin chaidh Maois agus Aaron a steach, agus thubhairt iad re Pharaoh, Mar so tha’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh. Leig le m’ shluagh imeachd, a chum as gu’n cum (3) iad féisd (4) dhomhsa ’san fhàsach. 2 Agus thubhairt Pharaoh, Cò e an Tighearna, gu’n éisdinn-sa r’a ghuth a leigeadh le h-Israel imeachd? Cha ’n aithne dhomhs’ an Tighearn, agus mar an ceudna cha leig mi le h-Israel imeachd. 3 Agus thubhairt iad, Dh’fhoillsich Dia nan Eabhruidheach e féin dhuinne (5): leig leinn, guidheamaid ort, dol astar thri lài do’n fhàsach, a chum as gu’n ìobramaid do’n Tighearn ar Dia, an t-eagal gu’m buail e sinn (6) le plàigh, no leis a’ chlaidheamh. 4 Agus thubhairt righ na h-Eiphit riu, C’ar son a ta sibhs’, a Mhaois agus Aaroin, a’ toirt air an t-sluagh sgur o’n oibribh? Rachaibh a chum bhur n-eallacha. 5 Agus thubhairt Pharaoh, Feuch, a ta sluagh na tìr’ a nis lìonmhor, agus tha sibhs’ a’toirt orra bhi ’nan tàmh o’n eallachaibh. 6 Agus dh’àithn Pharaoh air an là sin féin do mhaighstiribh- (1) leigeil. (2) tigh-òsda. (3) gleidh, dean. (4) fleadh, séill, cuirm. (5) ghairm Dia nan Eabhruidheach oirnne. Eabh. (6) tuit e oirn; coinnich e sinn. [TD 103] ECSODUS. CAIB. V. oibre an t-sluaigh, agus d’an luchd-riaghlaidh (1), ag ràdh, 7 Cha d’thoir sibh conlach tuille do’n t-sluagh a dheanamh chlacha-creadha mar roimhe so: rachadh iad agus cruinnicheadh iad conlach dhoibh féin. 8 Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clacha-creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos a’ bheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad aig éigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid d’ar Dia. 9 Cuirear an obair ni’s truime air na daoine, chum as gu’n saoraich iad innte: agus na h-earbadh iad a briathraibh dìomhain. 10 Agus chaidh maighstirean-oibre an t-sluaigh a mach, agus an luchd-riaghlaidh, agus labhair iad ris an t-sluagh, ag ràdh, Mar so tha Pharaoh ag ràdh, Cha d’thoir mi dhuibh conlach. 11 Rachaibh, gabhaibh dhuibh féin conlach far am feud sibh a faghail: gidheadh cha leigear sìos a’ bheag do’r n-obair. 12 Uime sin sgaoileadh (2) an sluagh air feadh tìre na h-Eiphit uile, a chruinneachadh asbhuain (3), ’an àite conlaich. 13 Agus chuir na maighstirean-oibre thuige (4) iad, ag ràdh, Coi’-lionaibh bhur n-oibre chumta lathail (5), mar an uair a thugadh conlach dhuibh. 14 Agus bhuaileadh (6) luchd-riaghlaidh chloinn Israeil a chuir maighstirean-oibre Pharaoih os an ceann, agus dh’fhiosraicheadh dhiubh, C’ar son nach do choi’-lion sibh bhur n-obair chumta ann an deanamh chlacha-creadha araon an dé agus an diugh, mar a rinn sibh roimhe? 15 An sin thàinig luchd-riaghlaidh chloinn Israeil, agus ghlaodh iad re Pharaoh, ag ràdh, C’ar son a bhuineas tu air an dòigh so re d’ sheirbhisich? 16 Cha ’n’eil conlach air a toirt do d’ sheirbhisich, agus ’se their iad ruinn, Deanaibh clacha-creadha: agus feuch, a ta do sheirbhisich air am bualadh; ach is ann aig do shluagh féin a ta choire. 17 Ach thubhairt esan, Tha sibh dìomhanach, tha sibh dìomhanach: uime sin their sibh, Rachamaid agus ìobramaid do’n Tighearna. 18 Uime sin imichibh a nis, deanaibh obair; oir cha d’ thoirear conlach dhuibh, agus bheir sibh uaibh làn àireamh nan clacha-creadha. 19 Agus chunnaic luchd-riaghlaidh chloinn Israeil gu’m bu chruaidh an càs anns an robh iad, agus e air a ràdh riu, Cha bheagaich sibh dad d’ar clachaibh-creadha, do’n obair dhligheach lathail. 20 Agus choinnich iad Maois agus Aaron, a sheas air an t-slighe (7), ’nuair a thàinig iad a mach o Pharaoh. 21 Agus thubhairt iad riu, Gu’n amhairceadh Dia oirbh, agus gu’n d’thugadh e breth, do bhrìgh gu’n d’ rinn sibh ar boladh gràineil ’an làthair Pharaoih (8), agus ’an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh ’nan (1) an luchd-stiùbhraidh, an grìobhan, am maoir. (2) sgapadh. (3) bunain, stailcnich. (4) chuige. (5) gnothuch an là ’na là. (6) ghabhadh air. (7) ’nan coinneamh. Eabh. (8) ann an sùilibh Pharaoih. Eabh. [TD 104] ECSODUS. CAIB. VI. làimh a chum sinne a mharbhadh. 22 Agus phill Maois a dh’ionnsuidh an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna, c’ar son a bhuin thu cho olc ris an t-sluagh so? c’ar son a chuir thu uait mi? 23 Oir o’n àm a thàinig mi gu Pharaoh a labhairt ann ad ainm, rinn e olc do’n t-sluagh so; agus cha do shaor thu idir do shluagh. CAIB. VI. ’AN sin thubhairt an Tighearna re Maois, A nis chi thu ciod a ni mi re Pharaoh: oir le làimh làdair leigidh e leo imeachd, agus le làimh làdair fuadaichidh e mach as a dhùthaich iad. 2 Agus labhair Dia re Maois, agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna. 3 Agus dh’fhoillsich mi mi féin do Abraham, do Isaac, agus do Iacob, le ainm an Dé uile-chumhachdaich, ach le m’ainm Iehobhah cha robh mi aithnichte dhoibh. 4 Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo choi’-cheangal (1) riu, gu’n d’thugainn dhoibh talamh Chanaain, talamh an cuairte, anns an robh iad ’nan coigrich. 5 Agus mar an ceudna chuala mi osnaich chloinn Israeil, a ta na h-Eiphitich a’ cumail ann an daorsa: agus chuimhnich mi mo choi’-cheangal. 6 Uime sin abair re cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a mach o bhi fuidh eallacha nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh o’n daorsa: agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnt’ a mach, agus le breitheanasaibh mòra. 7 Agus gabhaidh mi sibh dhomh féin mar shluagh, agus bithidh mi dhuibh a’m’ Dhia: agus bithidh fios agaibh gur mise an Tighearna bhur Dia, a ta ’gar toirt-sa (2) mach o bhi fuidh eallachaibh nan Eiphiteach. 8 Agus bheir mi steach sibh a dh’ionnsuidh an fhearainn a mhionnaich mi gu’n d’thugainn e do Abraham, do Isaac, agus do Iacob; agus bheir mi e dhuibhse mar oighreachd: Is mise an Tighearna. 9 Agus labhair Maois mar sin re cloinn Israeil: ach cha d’éisd iad re Maois, tre chràdh spioraid, agus tre dhaorsa chruaidh. 10 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 11 Imich a steach, labhair re Pharaoh righ na h-Eiphit, e a leigeadh do chloinn Israeil dol a mach as a dhùthaich. 12 Agus labhair Maois ’an làthair an Tighearn, ag ràdh, Feuch, cha d’ éisd clann Israeil rium; cionnus ma ta dh’éisdeas Pharaoh riumsa, aig am bheil mo bhilean neo-thimchioll-ghearrta? 13 Agus labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, agus thug e dhoibh àithne (3) a chum cloinn Israeil, agus a chum Pharaoih righ na h-Eiphit, clann Israeil a thoirt a mach a talamh na h-Eiphit. 14 ’S iad sin ceannardan thighean an aithreacha: mic Reubein ceud-ghin Israeil; Hanoch, agus Pallu, Hesron, agus Carmi: (1) mo chùmhnant. (2) ’gar tabhairt. (3) ordugh. [TD 105] ECSODUS. CAIB. VII. ’s iad sin teaghlaichean Reubein. 15 Agus mic Shimeoin; Gemuel, agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, agus Saul mac Ban-chanaanaich: ’s iad sin teaghlaichean Shimeoin. 16 Agus ’s iad sin ainmeanna mhac Lebhi, a réir an ginealacha; Gerson, agus Cohat, agus Merari; agus b’iad bliadhnacha beatha Lebhi ceud agus seachd bliadhna deug ’ar fhichead. 17 Mic Ghersoin; Libni, agus Simi, a réir an teaghlaichean. 18 Agus mic Chohait; Amram, agus Idshar, agus Hebron, agus Udsiel: agus b’iad bliadhnacha beatha Chohait ceud agus tri bliadhna deug ’ar fhichead. 19 Agus mic Mherari; Mahali agus Musi: ’s iad sin teaghlaichean Lebhi, a réir an ginealacha. 20 Agus ghabh Amram Iochebed piuthar-athar dha féin ’na mnaoi; agus rug i dha Aaron agus Maois: agus b’iad bliadhnacha beatha Amraim ceud agus seachd bliadhna deug ’ar fhichead. 21 Agus mic Idshair; Corah, agus Nepheg, agus Sichri. 22 Agus mic Udsieil; Misael, agus Elsaphan, agus Sitri. 23 Agus ghabh Aaron Eliseba nighean Aminadaib, piuthar Naasoin, dha féin ’na mnaoi; agus rug i dha Nadab agus Abihu, Eleasar agus Itamar. 24 Agus mic Choraih; Asir, agus Elcanah, agus Abiasaph: ’s iad sin teaghlaichean nan Corhach. 25 Agus ghabh Eleasar mac Aaroin aon do nigheanaibh Phutieil dha féin ’na mnaoi; agus rug i dha Phinehas: ’s iad sin ceannardan aithreacha nan Lebhitheach, a réir an teaghlaichean. 26 ’S iad so an t-Aaron agus am Maois ud, ris an d’thubhairt an Tighearna, Thugaibh a mach clann Israeil a talamh na h-Eiphit, a réir an slògh (1). 27 ’S iad so iadsan a labhair re Pharaoh righ na h-Eiphit, a chum clann Israeil a thoirt a mach as an Eiphit: ’s iad so am Maois agus an t-Aaron ud. 28 Agus tharladh ’san là air an do labhair an Tighearna re Maois ann an tìr na h-Eiphit, 29 Gu’n do labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, Is mise an Tighearna; labhair thusa re Pharaoh righ na h-Eiphit gach ni a their mi riut. 30 Agus thubhairt Maois ’an làthair an Tighearna, Feuch, a ta mise neo-thimchioll-ghearrt’ a’m’ bhilibh, agus cionnus a dh’éisdeas Pharaoh rium? CAIB. VII. AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Feuch, rinn mi thu a’d’ dhia do Pharaoh: agus bithidh do bhràthair Aaron ’na fhàidh agad. 2 Labhraidh tusa gach ni a dh’àithneas mise dhuit: agus labhraidh Aaron do bhràthair re Pharaoh, esan a chur cloinn Israeil a mach as a thìr. 3 Agus cruadhaichidh mise cridhe Pharaoih, agus ni mi mo chomharan agus m’iongantasan (2), lìonmhor ann an tìr na h-Eiphit. 4 Ach cha ’n éisd Pharaoh (1) a réir an armailtean. (2) mo mhìorbhuilean. [TD 106] ECSODUS. CAIB. VII. ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi mach m’armailtean, agus mo shluagh clann Israeil, a tìr na h-Eiphit, le breitheanasaibh mòra. 5 Agus bithidh fios aig na h-Eiphitich gur mise an Tighearna, ’nuair a shìneas mi mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi mach clann Israeil o bhi ’nam measg. 6 Agus rinn Maois agus Aaron mar a dh’àithn an Tighearna dhoibh, mar sin rinn iad. 7 Agus bha Maois ceithir fichead bliadhna dh’aois, agus Aaron ceithir fichead agus tri bliadhna dh’aois, an uair a labhair iad re Pharaoh. 8 Agus labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, ag ràdh, 9 ’Nuair a labhras Pharaoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas (1) air bhur son féin: ’an sin their thu re h-Aaron, Gabh do shlat agus tilg sìos i ’an làthair Pharaoih, agus fàsaidh i ’na nathair. 10 Agus chaidh Maois agus Aaron, a steach a dh’ionnsuidh Pharaoih, agus rinn iad mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna: agus thilg Aaron sìos a shlat ’an làthair Pharaoih, agus ’an làthair a sheirbhiseach, agus rinneadh i ’na nathair. 11 ’An sin ghairm Pharaoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna druidhean (2) na h-Eiphit mar sin le’n druidheachdaibh: 12 Oir thilg iad sìos gach duine a shlat, agus rinneadh iad ’nan nathraichibh: ach shluig slat Aaroin suas an slatan-sa. 13 Agus chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, air chor as nach d’éisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna. 14 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, tha e diùltadh leigeadh leis an t-sluagh falbh. 15 Imich-sa dh’ionnsuidh Pharaoih ’sa’ mhadain, feuch, tha e dol a mach a dh’ionnsuidh an uisge, agus seasaidh tu ’na choinneamh air bruaich na h-aibhne (3); agus an t-slat a thionndadhadh ’na nathair gabhaidh tu a’d’ làimh. 16 Agus their thu ris, Chuir an Tighearna Dia nan Eabhruidheach mise a’ t’ionnsuidh, ag ràdh, Leig le m’shluagh imeachd, a chum as gu’n dean iad seirbhis dhomhsa ’san fhàsach: agus feuch, gus a so cha b’ àill leat éisdeachd. 17 Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Ann an so aithnichidh tu gur mise an Tighearna: feuch, buailidh mi leis an t-slait a ta m’làimh, na h-uisgeachan a ta ’san abhainn, agus tionndadhar iad gu fuil. 18 Agus gheibh an t-iasg a ta ’san abhainn bàs, agus lobhaidh an abhainn; agus bithidh gràin air na h-Eiphitich uisge òl as an abhainn. 19 Agus labhair an Tighearna re Maois, Abair re h-Aaron, Gabh do shlat, agus sìn a mach do làmh air uisgibh na h-Eiphit, air an aibhnibh, air an sruthaibh, agus air an lochanaibh, agus air uile cho’-chruinneachadh an uisgeacha, chum as gu’m fàs iad (1) Taisbeinibh mìorbhuil. (2) draoidhean. (3) seasaidh tus’ air bruaich na h-aibhn’ air cheann dha teachd. [TD 107] ECSODUS. CAIB. VIII. ’nam fuil; agus bithidh fuil air feadh tìre na h-Eiphit uile, araon ann an soithichibh fiodha, agus ann an soithichibh cloiche. 20 Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, a réir mar a dh’àithn an Tighearna, agus thog e suas an t-slat, agus bhuail e na h-uisgeachan a bha ’san abhainn, ann an sealladh Pharaoih, agus ann an sealladh a sheirbhiseach: agus thionndadhadh na h-uisgeachan uile a bha ’san abhainn, gu fuil. 21 Agus fhuair an t-iasg, a bha ’san abhainn, bàs: agus lobh an abhainn, agus cha b’ urradh na h-Eiphitich uisge òl as an abhainn: agus bha’n fhuil ann an tìr na h-Eiphit uile. 22 Agus rinn druidhean na h-Eiphit mar sin le’n druidheachdaibh: agus chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, agus cha d’éisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna. 23 Agus phill Pharaoh, agus chaidh e d’a thigh; agus cha do shocraich e chridhe air so cuideachd. 24 Agus chladhaich na h-Eiphitich uile timchioll na h-aibhne air son uisge r’a òl: oir cha b’urrainn (1) iad òl a dh’uisge na h-aibhne. 25 Agus choi’-lionadh seachd laithean ’an déigh do’n Tighearn an abhainn a bhualadh. CAIB. VIII. AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Falbh a dh’ionnsuidh Pharaoih, agus abair ris, Mar so tha ’n Tighearna ’g ràdh, Leig le m’ shluagh imeachd, a chum as gu’n dean iad seirbhis dhomh. 2 Agus ma dhiùltas tu ’n leigeadh air falbh, feuch, buailidh mi do chrìochan uile le losgannaibh. 3 Agus brùchdaidh an abhainn a mach losgainn, agus théid iad suas, agus thig iad a steach do d’ thigh, agus do d’ sheòmar-leapach, agus air uachdar do leapach (2), agus do thigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus do d’ àmhuinnibh, agus do d’ amaraibh-fuinidh (3). 4 Agus théid na losgainn suas ort féin, agus air do shluagh, agus air do sheirbhisich uile. 5 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Abair re h-Aaron, Sìn a mach do làmh le d’ shlait os cionn nan aibhnichean, os cionn nan allt, agus os cionn nan lochan; agus thoir air na losgannaibh dol suas air talamh na h-Eiphit. 6 Agus shìn Aaron a mach a làmh os cionn uisgeacha na h-Eiphit; agus chaidh na losgainn suas, agus chòmhdaich (4) iad talamh na h-Eiphit. 7 Agus rinn na druidhean mar sin le ’n druidheachdaibh, agus thug iad suas losgainn air talamh na h-Eiphit. 8 ’An sin ghairm Pharaoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gu’n d’ thoir e air falbh na losgainn uam féin, agus o m’ shluagh; agus leigidh mise leis an t-sluagh imeachd, a chum as gu’n ìobair iad do’n Tighearna. 9 Agus thubhairt Maois re (1) cha b’urradh. (2) do leapa. (3) do d’ scàlaibh-fuinidh. (4) chuibhrig, dh’fholaich. [TD 108] ECSODUS. CAIB. VIII. Pharaoh, Dean uaill tharum: c’uin a ghuidheas mi air do shon, agus air son do sheirbhiseach, agus air son do shluaigh, gu’n cuirear as do na losgannaibh uait féin, agus o d’ thighibh; air chor agus gu mair (1) iad a mhàin ’san abhainn? 10 Agus thubhairt esan, Am màireach. Agus thubhairt e, Bitheadh e a réir t’fhocail; a chum as gu’m bi fios agad nach ’eil neach ann cosmhuil ris an Tighearn ar Dia. 11 Agus falbhaidh na losgainn uait féin, agus o d’ thighibh, agus o d’ sheirbhisich, agus o d’ shluagh; a mhàin ’san abhainn mairidh iad. 12 Agus chaidh Maois agus Aaron a mach o Pharaoh; agus dh’éigh (2) Maois ris an Tighearn a thaobh nan losgann, a thug e ’n aghaidh Pharaoih. 13 Agus rinn an Tighearn a réir focail Mhaois: agus bhàsaich na losgainn as na tighibh, as na bailtibh, agus as na machraichibh. 14 Agus chruinnich iad r’a chéile ’nan dùnaibh iad; agus lobh an tìr (3). 15 Ach an uair a chunnaic Pharaoh gu’n robh fois ann, chruadhaich e chridhe, agus cha d’éisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna. 16 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Abair re h-Aaron, Sìn a mach do shlat, agus buail duslach (4) na talmhainn, a chum gu’m fàs e ’na mhialaibh air feadh tìre na h-Eiphit uile. 17 Agus rinn iad mar sin; oir shìn Aaron a mach a làmh le shlait, agus bhuail e duslach na talmhainn, agus rinneadh e ’na mhialan air duin’ agus air ainmhidh (5): rinneadh uile dhuslach na talmhainn ’na mhialaibh air feadh tìre na h-Eiphit uile. 18 Agus rinn na druidhean mar sin le’n druidheachdaibh a thoirt a mach mhial, ach cha b’urrainn iad: agus bha mialan air duine, agus air ainmhidh. 19 ’An sin thubhairt na druidhean re Pharaoh, ’S e meur Dhé a th’ann: agus chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, agus cha d’ éisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna. 20 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Eirich suas gu moch ’sa’ mhadainn, agus seas ’an làthair Pharaoih, (feuch, tha e teachd a mach a dh’ionnsuidh an uisge) agus abair ris, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Leig le m’ shluagh imeachd, a chum as gu’n dean iad seirbhis dhomh. 21 Ach mur leig thu le m’ shluagh imeachd, feuch, cuiridh mi sgaoth chuileag (6) ort féin, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh, agus ann do thighibh: agus lìonar tighean nan Eiphiteach leis an sgaoth chuileag, agus mar an ceudna ’n talamh air am bheil iad. 22 Agus cuiridh mi air leth air an là sin féin fearann Ghosein, anns am bheil mo shluagh a chòmhnuidh, air chor as nach bi cuileagan sam bith ’an sin; a chum as gu’m bi fios agad gur (1) gu’m fan, gu’m fàgar iad. (2) ghlaodh. (3) dh’fhàs droch fhàile do’n tìr. (4) luaithre. (5) ann an duine agus ann an ainmhidh. Eabh. (6) iomadh gnè chuileag. [TD 109] ECSODUS. CAIB. IX. mise an Tighearn ’am meadhon na talmhainn. 23 Agus cuiridh mi dealachadh eadar mo shluagh-sa agus do shluagh-sa: air an là màireach bithidh an comhara so. 24 Agus rinn an Tighearna mar sin: agus thàinig sgaoth an-barrach (1) chuileag do thigh Pharaoih, agus do thighibh a sheirbhiseach, agus do thìr na h-Eiphit uile: thruailleadh an talamh a thaobh nan cuileag. 25 Agus ghairm Pharaoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Rachaibh, ìobraibh d’ar Dia ’san tìr. 26 Agus thubhairt Maois, Cha ’n’eil e iomchuidh (2) sinn a dheanamh mar sin; oir ìobairidh sinn gràineileachd nan Eiphiteach do’n Tighearn ar Dia. Feuch, an ìobair sinne gràineileachd nan Eiphiteach fa chomhair an sùl, agus nach gabh iad do chlachaibh oirn? 27 Théid sinn astar thri laithean do’n fhàsach, agus ìobraidh sinn do’n Tighearn ar Dia, mar a dh’àithneas e dhuinn. 28 Agus thubhairt Pharaoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a chum as gu’n ìobair sibh do’n Tighearna bhur Dia ’san fhàsach; ach na rachaibh ro-fhad’ air astar: guidhibh air mo shon-sa. 29 Agus thubhairt Maois, Feuch, théid mise mach uait, agus guidhidh mi air an Tighearna gu’m falbh na cuileagan o Pharaoh, o sheirbhisich, agus o shluagh, am màireach: ach na buineadh Pharaoh gu cealgach tuilleadh, ann an diùltadh leigeadh do’n t-sluagh dol a dh’ìobradh do’n Tighearna. 30 Agus chaidh Maois a mach o Pharaoh, agus ghuidh e air an Tighearna. 31 Agus rinn an Tighearn a réir focail Mhaois; agus chuir e air falbh na cuileagan o Pharaoh, o sheirbhisich, agus o shluagh: cha d’fhan a h-aon. 32 Agus chruadhaich Pharaoh a chridhe air an àm so mar an ceudna, agus cha do leig e leis an t-sluagh imeachd. CAIB. IX. AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Falbh a steach a dh’ionnsuidh Pharaoih, agus innis da, Mar so tha’n Tighearna Dia nan Eabhruidheach ag ràdh, Leig le m’ shluagh imeachd, a chum as gu’n dean iad seirbhis dhomh: 2 Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gu’n cum thu iad fathast, 3 Feuch, bithidh làmh an Tighearn air do spréidh a ta ’sa’ mhachair, air na h-eich, air na h-asail, air na càmhail, air a’ chrodh, agus air na caoraich: bithidh plàigh (3) ro-mhòr ann. 4 Agus cuiridh an Tighearna dealachadh eadar spréidh Israeil, agus spréidh na h-Eiphit: agus cha’n fhaigh a’ bheag bàs a dh’aon ni a’s le cloinn Israeil. 5 Agus shuidhich an Tighearn àm, ag ràdh, Am màireach ni an Tighearn an ni so ’san tìr. 6 Agus rinn an Tighearn an ni sin air an là màireach, agus fhuair spréidh na h-Eiphit uile (1) dhòlasach. (2) iomchubhaidh. (3) eucail. [TD 110] ECSODUS. CAIB. IX. bàs: ach do spréidh chloinn Israeil cha d’fhuair a h-aon bàs. 7 Agus chuir Pharaoh teachdaire uaith agus feuch cha robh eadhon a h-aon do spréidh nan Israeleach marbh. Agus chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, agus cha do leig e an sluagh air falbh. 8 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, Gabhaibh dhuibh féin làn bhur glac (1) do luaith teallaich (2), agus crathadh Maois i re nèamh ann an sealladh Pharaoih. 9 Agus bithidh i ’na duslach mìn air feadh tìre na h-Eiphit uile, agus bithidh i ’na neasgaid a’ briseadh a mach ’na bolgaibh air duine, agus air ainmhidh, air feadh tìre na h-Eiphit uile. 10 Agus ghabh iad luath na teallaich, agus sheas iad ’an làthair Pharaoih, agus chrath Maois i re nèamh: agus rinneadh i ’na neasgaid a’ briseadh a mach ’na bolgaibh air duine, agus air ainmhidh. 11 Agus cha b’ urradh na druidhean seasamh ’an làthair Mhaois air son na neasgaid; oir bha an neasgaid air na druidhibh, agus air na h-Eiphitich uile. 12 Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Pharaoih, agus cha d’éisd e riu; mar a labhair an Tighearna re Maois. 13 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Eirich suas gu moch ’sa’ mhadainn, agus seas ’an làthair Pharaoih, agus abair ris, Mar so tha’n Tighearna Dia nan Eabhruidheach ag ràdh, Leig le m’ shluagh imeachd, a chum as gu dean iad seirbhis dhomh. 14 Oir air an àm so cuiridh mise mo phlàighean uile air do chridhe-sa, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh; a chum as gu’m bi fios agad nach ’eil neach ann cosmhuil riumsa ’san talamh uile. 15 Oir a nis sìnidh mi mach mo làmh, agus buailidh mi thu féin agus do shluagh le plàigh; agus gearrar as thu o ’n talamh. 16 Agus gu deimhin air son so thog mi suas thu, a chum as gu’n nochdainn annad mo chumhachd, agus gu’m biodh m’ainm iomraideach (3) ’san domhan uile. 17 Am bheil thu fathast ’gad ardachadh féin ’an aghaidh mo shluaigh, air chor as nach leig thu leo imeachd? 18 Feuch, mu’n àm so màireach bheir mis’ air cloich-mheallain ro-mhòir (4) frasadh a nuas, nach robh a samhuil ’san Eiphit, o’n là ’san do leagadh a bunachur (5) eadhon gus a nis. 19 Uime sin a nis cuir fios uait, agus cruinnich do spréidh, agus gach ni a ta agad ’sa’ mhachair; oir air gach duine agus ainmhidh a gheibhear ’sa’ mhachair, agus nach cruinnichear dhachaidh, thig a’ chlach-mheallain a nuas, agus gheibh iad bàs. 20 An ti a ghabh eagal roi’ fhocal an Tighearna measg sheirbhiseach Pharaoih, thug e air a sheirbhisich agus a spréidh teicheadh do na tighibh. 21 Agus esan nach do ghabh suim do fhocal an Tighearna, (1) bhur dorn. (2) fuirneis, àmhuinn. (3) air fhoillseachadh, air a chraobh-sgaoileadh. (4) ro-chràitich, ro-mhilltich. (5) bunadh, stéidh. [TD 111] ECSODUS. CAIB. X. dh’fhàg e a sheirbhisich agus a spréidh ’sa’ mhachair. 22 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Sìn a mach do làmh gu nèamh, chum as gu’m bi clach-mheallain ann an talamh na h-Eiphit uile, air duine, agus air ainmhidh, agus air uile luibh na machrach ann an tìr na h-Eiphit. 23 Agus shìn Maois a mach a shlat gu nèamh, agus rinn an Tighearna tairneanach agus clach-mheallain, agus ruidh tein-aidheir air uachdar na talmhainn; agus fhras an Tighearna clach-mheallain air tìr na h-Eiphit. 24 Mar so bha clach-mheallain ann, agus teine measgta leis a’ chloich-mheallain ro-mhòir, aig nach robh a samhuil ann an tìr na h-Eiphit uile, o rinneadh dùthaich dhith. 25 Agus bhuail a’ chlach-mheallain air feadh tìre na h-Eiphit uile gach ni a bha ’sa’ mhachair, araon duine agus ainmhidh: agus bhuail a’ chlach-mheallain uile luibh na machrach, agus bhris i uile chraobha na machrach. 26 A mhàin ann an talamh Ghosein, far an robh clann Israeil, cha robh clach-mheallain. 27 Agus chuir Pharaoh teachdaire uaith, agus ghairm e air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e riu, Pheacaich mi an uair so: tha ’n Tighearna ceart, agus mise agus mo shluagh aingidh. 28 Guidhibhs’ air an Tighearn (oir is leòr e) nach bi tairneanach anbarrach (1) agus clach-mheallain ann ni’s mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus cha’n fhan sibh ni’s faide. 29 Agus thubhairt Maois ris, Co luath ’s a théid mise mach as a’ bhaile, sìnidh mi mo làmhan a mach a chum an Tighearna: agus sguiridh an tairneanach, agus cha bhi a’ chlach-mheallain ann ni’s mò; chum as gu’m bi fios agad gur leis an Tighearn an talamh. 30 Ach air do shon-sa, agus air son do sheirbhiseach, a ta fhios agam nach bi eagal oirbh fathast roimh an Tighearna Dia. 31 Agus bhuaileadh an lìon agus an t-eòrna; oir bha ’n t-eòrna fa dhéis, agus an lìon fa fhras (2). 32 Ach cha do bhuaileadh an cruithneachd agus an seagal: oir cha robh iad air fàs suas. 33 Agus chaidh Maois a mach o Pharaoh as a’ bhaile, agus shìn e mach a làmha chum an Tighearna: agus sguir an tairneanach agus a’ chlach-mheallain, agus cha do dhòirteadh an t-uisge air an talamh. 34 Agus an uair a chunnaic Pharaoh gu’n do sguir an t-uisge, agus a’ chlach-mheallain, agus an tairneanach, pheacaich e fathast mar an ceudna, agus chruadhaich e chridhe, e féin agus a sheirbhisich. 35 Agus chruadhaicheadh cridhe Pharaoih, agus cha do leig e clann Israeil air falbh, mar a labhair an Tighearna le Maois. CAIB. X. AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Imich a steach gu Pharaoh; oir chruadh- (1) guthanna Dhé. Eabh. (2) ros. [TD 112] ECSODUS. CAIB. X. aich mi a chridhe, agus cridhe a sheirbhiseach, a chum gu nochdainn iad sin mo chomharan ’na làthair: 2 Agus gu’n innseadh tu ann an cluasaibh do mhic, agus mhic do mhic, na nithean a dh’oibrich mi ’san Eiphit, agus mo chomharan a rinn mi ’nam measg; agus gu’m bi fios agaibh gur mise an Tighearna. 3 Agus chaidh Maois agus Aaron a steach gu Pharaoh, agus thubhairt iad ris, Mar so tha’n Tighearna Dia nan Eabhruidheach ag ràdh, Cia fhada dhiùltas tu thu féin ìsleachadh a’m’ làthair-sa? Leig le m’ shluagh imeachd, agus gu’n dean iad seirbhis dhomh: 4 Ach ma dhiùltas tu leigeadh le m’ shluagh imeachd, feuch, bheir mise a màireach na locuist a steach do d’ chrìochaibh. 5 Agus còmhdaichidh iad aghaidh na talmhainn, air chor as nach urradh neach an talamh fhaicinn: agus ithidh iad fuigheal an ni sin a théid as (1), a dh’fhanas agaibh o’n chloich-mheallain, agus ithidh iad gach craobh a ta fàs dhuibh as a’ mhachair. 6 Agus lìonaidh iad do thighean, agus tighean do sheirbhiseach uile, agus tighean nan Eiphiteach uile; ni nach faca aon chuid t’aithreacha, no aithreacha t’aithreacha, o’n là a bha iad air an talamh gus an là’n diugh. Agus phill se e féin, agus chaidh e mach o Pharaoh. 7 Agus thubhairt seirbhisich Pharaoih ris, Cia fhada bhios an duine so ’na ribe dhuinne? Leig leis na daoine falbh, chum gu’n dean iad seirbhis do’n Tighearn an Dia: nach ’eil fhios agad fathast gu bheil an Eiphit air a milleadh? 8 Agus thugadh Maois agus Aaron a rìs gu Pharaoh: agus thubhairt e riu, Rachaibh, deanaibh seirbhis do’n Tighearna bhur Dia: ach cò iad a théid? 9 Agus thubhairt Maois, Le’r n-òigridh agus le’r daoine aosmhar théid sinne; le’r mic agus le’r nigheanaibh, le’r treudaibh agus le’r buar théid sinn: oir is éigin duinn féisd a chumail do’n Tighearna. 10 Agus thubhairt e riu, Gu robh an Tighearna mar sin maille ribh, mar a leigeas mise leibh féin agus le’r cloinn bhig imeachd: amhaircibh, oir tha olc romhaibh. 11 Ni h-ann mar sin: imichibh a nis, sibhs’ a ta ’nar daoinibh, agus deanaibh seirbhis do’n Tighearna, oir is e so an ni a dh’iarr sibh: Agus dh’fhuadaicheadh a mach iad as làthair Pharaoih. 12 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Sìn a mach do làmh thar talamh na h-Eiphit air son nan locust, a chum as gu’n d’thig iad suas air talamh na h-Eiphit, agus gu’n ith iad uile luibh na talmhainn, eadhon gach ni a dh’fhàg a’ chlach-mheallain. 13 Agus shìn Maois a mach a shlat thar talamh na h-Eiphit, agus thug an Tighearna gaoth an ear air an talamh rè an là sin uile, agus rè na h-oidhche uile: agus ’sa’ mhadainn thug a’ ghaoth an ear a steach na locuist. 14 Agus chaidh na locuist (1) a thèaruineas. [TD 113] ECSODUS. CAIB. X. suas thar talamh na h-Eiphit uile, agus dh’fhan iad ann an crìochaibh na Eiphit uile, gu ro-dhiùbhalach (1); rompa cha robh riamh an leithide do locuist, agus ’nan deigh cha bhi an leithide: 15 Oir chòmhdaich iad aghaidh na talmhainn uile, air chor as gu’n do dhorchaicheadh an talamh, agus dh’ith iad uile luibh na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, a dh’fhàg a’ chlach-mheallain: agus cha d’fhàgadh ni sam bith glas ’sna craobhaibh, no ann an luibhibh na machrach ann an tìr na h-Eiphit uile. 16 ’An sin ghairm Pharaoh air Maois agus air Aaron le cabhaig, agus thubhairt e, Pheacaich mi ’n aghaidh an Tighearna bhur Dé, agus ’nar n-aghaidhsa. 17 A nis uime sin math, guidheam ort, mo pheacadh a mhàin an uair so, agus guidhibh air an Tighearna bhur Dia gu’n d’thoir e air falbh uam a mhàin am bàs so. 18 Agus chaidh e mach o Pharaoh, agus ghuidh e air an Tighearna. 19 Agus thionndaidh an Tighearna gaoth an iar ro-làdair, a thug air falbh na locuist, agus a thilg iad ’san fhairge ruaidh: cha d’fhan aon locust ann an crìochaibh na h-Eiphit uile. 20 Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Pharaoih, agus cha do leig e air falbh clann Israeil. 21 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Sìn a mach do làmh gu nèamh, agus bithidh dorchadas air feadh tìre na h-Eiphit, eadhon dorchadas a dh’fheudar a laimhseachadh. 22 Agus shìn Maois a mach a làmh gu nèamh: agus bha tiugh dhorchadas (2) ann an tìr na h-Eiphit uile rè thri laithean. 23 Cha’n fhaca h-aon diubh a chéile, ni mò a dh’éirich neach o àite rè thri laithean: ach bha aig cloinn Israeil uile solus ’nan àitibh-còmhnuidh. 24 Agus ghairm Pharaoh air Maois, agus thubhairt e, Rachaibhse, deanaibh seirbhis do’n Tighearna; a mhàin fanadh bhur treudan agus bhur buar: rachadh bhur clann bheag mar an ceudna maille ribh. 25 Agus thubhairt Maois, Feumaidh tu mar an ceudna ìobairtean a thoirt duinn, agus tabhartais-loisgte, chum as gu’n ìobair sinn do’n Tighearn ar Dia. 26 Agus mar an ceudna théid ar spréidh maille ruinn; cha ’n fhàgar ionga nar déigh (3), oir is éigin duinn gabhail diubh gu seirbhis a dheanamh do ’n Tighearn ar Dia; agus cha ’n’eil fhios againn cia leis a ni sinn seirbhis do’n Tighearna gus an d’ thig sinn ’an sin. 27 Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Pharaoih, agus cha leigeadh e leo imeachd. 28 Agus thubhairt Pharaoh ris, Imich a mach uam; thoir an aire dhuit féin, na faic m’ aghaidh ni’s mò: oir ’san là sin anns am faic thu m’aghaidh, gheibh thu bàs. 29 Agus thubhairt Maois, Labhair thu gu math; cha ’n fhaic mi t’aghaidh ni’s mò. (1) ro-mhillteach. (2) dall-dhorchadas. (3) cha’n fhàgar speir ’nar déigh. [TD 114] ECSODUS. CAIB. XI. XII. CAIB. XI. AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Bheir mi aon phlàigh fathast air Pharaoh, agus air an Eiphit; an déigh sin leigidh e leibh imeachd as so: an uair a leigeas e leibh imeachd, gu cinnteach fuadaichidh e mach as so sibh gu h-iomlan. 2 Labhair a nis ann an cluasaibh an t-sluaigh, agus iarradh gach duine o choimhearsnach, agus gach bean o ban-choimhearsnaich, seudan airgid, agus seudan òir. 3 Agus thug an Tighearna deagh-ghean do’n t-sluagh ann an sùilibh nan Eiphiteach: Mar an ceudna, bha ’n duine Maois ro-mhòr ’an tìr na h-Eiphit ann an sùilibh sheirbhiseach Pharaoih, agus ann an sùilibh an t-sluaigh. 4 Agus thubhairt Maois, Mar so tha’n Tighearn ag ràdh, Mu mheadhon-oidhche théid mi mach do mheadhon na h-Eiphit. 5 Agus gheibh gach ceud-ghin ann an tìr na h-Eiphit bàs, o cheud-ghin Pharaoih, a ta ’na shuidhe air a righ-chathair, eadhon gu ceud-ghin na ban-tràille (1) a ta air cùl a’ mhuilinn, agus uile cheud-ghin nan ainmhidhean. 6 Agus bithidh éigheach (2) mhòr ann an tìr na h-Eiphit uile, nach robh riamh a leithid ann, ni mò bhitheas a leithid ann tuilleadh. 7 Ach ’an aghaidh a h-aon do chloinn Israeil cha charuich (3) madadh a theanga, aon chuid ’an aghaidh duine no ainmhidh; chum as gu’m bi fios agaibh cionnus a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h-Eiphitich agus Israel. 8 Agus thig iad sin do sheirbhisich uile sìos a’m’ ionnsuidh-sa, agus cromaidh siad iad féin domh, ag ràdh, Imich a mach, agus an sluagh uile a ta ’gad leantuinn; agus ’an déigh sin théid mi mach: agus chaidh e mach o Pharaoh ann an corruich mhòir. 9 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Cha’n éisd Pharaoh ribh; a chum as gu meudaichear m’iongantais (4) ann an tìr na h-Eiphit. 10 Agus rinn Maois agus Aaron na h-iongantais sin uile ’am fianuis Pharaoih: agus chruadhaich an Tighearna cridhe Pharaoih, agus cha do leig e le cloinn Israeil imeachd as a dhùthaich. CAIB. XII. AGUS labhair an Tighearna re Maois agus re h-Aaron ann an talamh na h-Eiphit, ag ràdh, 2 Bithidh am mìos so dhuibh ’na thoiseach nam mìos: bithidh e dhuibh ’na cheud mhìos na bliadhna. 3 Labhraibh-sa re coi’-thional Israeil uile, ag ràdh, Air an deicheamh là do’n mhìos so gabhaidh iad dhoibh féin gach duine uan, a réir tighe an aithreacha, uan air son tighe. 4 Agus ma bhios an teaghlach ro-bheag air son uain, ’an sin gabhaidh esan agus a choimhearsnach a’s faigse d’a thigh e, a réir àireimh nan anmanna; (1) na ban-seirbhisich. (2) éigh, eubha, glaodhaich. (3) cha ghluais. (4) mo mhìorbhuilean. [TD 115] ECSODUS. CAIB. XII. gach duine, a réir itheannaich, àirmhear leibh air son an uain. 5 Bithidh bhur n-uan gun ghaoid (1), firionn, bliadhna dh’aois (2): as na caoiribh no as na gabhraibh gabhaidh sibh e. 6 Agus gleidhidh sibh a stigh e gu nuig an ceathramh là deug do’n mhìos so: agus marbhaidh co’-chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e ’san fheasgar (3). 7 Agus gabhaidh iad do’n fhuil, agus cuiridh iad i air an dà ursainn, agus air ard-dorus nan tighean, anns an ith iad e. 8 Agus ithidh iad an fheoil ’san oidhche sin féin ròiste le teine, agus aran neo-ghoirtichte (4); maille re luibhibh searbha ithidh iad e. 9 Na ithibh a’ bheag dheth amh, no idir air a bhruicheadh (5) ann an uisge, ach ròiste le teine: a cheann maille r’a chasaibh, agus maille r’a ghrealaich (6). 10 Agus cha’n fhàg sibh a’ bheag dheth gu madainn: agus na dh’fhàgar dheth gu madainn, loisgidh sibh le teine. 11 Agus mar so ithidh sibh e; le’r leasraidh criosraichte, bhur brògan air bhur casaibh, agus bhur lorg (7) ’nar làimh: agus ithidh sibh e le cabhaig; ’se càisg (8) an Tighearn a th’ann. 12 Oir théid mise troi’ (9) thìr na h-Eiphit air an oidhche so, agus buailidh mi gach ceud-ghin ann an tìr na h-Eiphit, araon duin’ agus ainmhidh: agus ’an aghaidh dhée nan Eiphiteach uile cuiridh mi breitheanas ’an gnìomh; is mise an Tighearna. 13 Agus bithidh an fhuil dhuibh mar chomhar’ air na tighibh anns am bheil sibh: agus an uair a chi mis’ an fhuil, théid mi thairis oirbh, agus cha bhi phlàigh oirbh a chum bhur millidh, ’nuair a bhuaileas mi tìr na h-Eiphit (10). 14 Agus bithidh an là so dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e ’na là-féill (11) do’n Tighearn air feadh bhur ginealacha; le h-ordugh sìorruidh gleidhidh sibh e. 15 Seachd laithean ithidh sibh aran neo-ghoirtichte; air a’ cheud là féin cuiridh sibh a mach taois ghoirt as bhur tighibh: oir gach neach a dh’itheas aran goirtichte, o’n cheud là gus an t-seachdamh là, gearrar an t-anam sin as o Israel. 16 Agus air a’ cheud là bithidh agaibh co’-ghairm naomha, agus air an t-seachdamh bithidh agaibh co’-ghairm naomha: obair ’sam bith cha deanar orra, saor o na dh’ithear leis gach neach; sin a mhàin nìthear leibh. 17 Agus cumaidh sibh féisd an arain neo-ghoirtichte; oir air an là sin féin (12) thug mise mach bhur slòigh (13) a tìr na h-Eiphit; uime sin coimhididh sibh an là so ’nar ginealachaibh, le h-ordugh sìorruidh. 18 ’Sa’ cheud mhìos, air a’ cheathramh là deug do’n mhìos ’san fheasgar, ithidh sibh aran neo-ghoirtichte, gu nuig an ceud (1) gun aineamh, fallain. (2) bliadhnach. (3) eadar an dà fheasgar. Eabh. (4) gun laibhin. (5) bhruitheadh. (6) innibh. (7) bata. (8) dol thairis. Eabh. (9) air feadh; tre. Eir. (10) ’nuair a bhuaileas mi ann an tìr na h-Eiphit. Eabh. (11) là-féisde. (12) ann an corp an là sin. Eabh. (13) armailtean. [TD 116] ECSODUS. CAIB. XII. la ’ar fhichead do’n mhìos ’san fheasgar. 19 Rè sheachd laithean cha’n fhaighear taois ghoirt ’nar tighibh; oir ge b’e neach a dh’itheas aran goirtichte, gearrar an t-anam sin féin as o cho’-thional Israeil, co dhiubh (1) is coigreach e, no neach a rugadh ’san tìr. 20 Ni air bith goirtichte cha’n ith sibh: ’nar n-àitibh-còmhnuidh uile ithidh sibh aran neo-ghoirtichte. 21 ’An sin ghairm Maois air seanairean Israeil uile, agus thubhairt e riu, Tairngibh a mach, agus gabhaibh dhuibh féin uan, a réir bhur teaghlaichean, agus marbhaibh a’ chàisg. 22 Agus gabhaidh sibh bad hìosoip, agus tumaidh sibh e ’san fhuil a ta ’san t-soitheach, agus beanaidh sibh do’n ard-dorus, agus do’n dà ursainn, leis an fhuil a ta ’san t-soitheach: agus cha d’ théid a h-aon agaibh a mach air dorus a thighe gu nuig a’ mhadainn. 23 Agus théid an Tighearna thairis a bhualadh nan Eiphiteach, agus an uair a chi e ’n fhuil air an ard-dorus, agus an dà ursainn, théid an Tighearna thairis air an dorus, agus cha leig e leis a’ mhillteir teachd a steach d’ar tighibh gu ’r bualadh. 24 Agus gleidhidh sibh an ni so mar ordugh dhuibh féin, agus d’ar mic (2), gu sìorruidh. 25 Agus tarlaidh ’nuair a théid sibh a steach do’n fhearann, a bheir an Tighearna dhuibh, a réir mar a gheall e, gu’n gleidh sibh an t-seirbhis so. 26 Agus tarlaidh, ’nuair a their bhur clann ruibh, Ciod is ciall duibh leis an t-seirbhis so? 27 Gu’n abair sibh, So ìobairt càisg an Tighearna, a chaidh thairis air tighibh chloinn Israeil ’san Eiphit, ’nuair a bhuail e na h-Eiphitich, agus a shaor e ar tighean-ne. Agus chrom an sluagh iad féin, agus rinn iad aoradh. 28 Agus dh’fhalbh clann Israeil agus rinn iad mar so; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad. 29 Agus air meadhon na h-oidhche sin féin bhuail an Tighearna gach ceud-ghin ann an tìr na h-Eiphit, o cheud-ghin Pharaoih a shuidh air a righ-chathair, gu ceud-ghin a’ chiomaich (3) a bha ann an slochd a’ phrìosain (4); agus gach ceud-ghin ainmhidh. 30 Agus dh’éirich Pharaoh ’san oidhche, e féin agus a sheirbhisich uile, agus na h-Eiphitich uile; agus bha éigheach mhòr ’san Eiphit, oir cha robh tigh anns nach robh neach marbh. 31 Agus ghairm e air Maois agus air Aaron ’san oidhche, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a mach a meadhon mo shluaigh, araon sibhse agus clann Israeil: agus rachaibh, deanaibh seirbhis do’n Tighearna, mar a thubhairt sibh. 33 Thugaibh leibh mar an ceudna bhur treudan, agus bhur buar, mar a thubhairt sibh, agus, (1) co ac’. (2) dhuit féin agus do d’ mhac. Eabh. (3) a’ bhraighde; the captive. Sasg. (4) na gain-tire. [TD 117] ECSODUS. CAIB. XII. imichibh: agus beannaichibh mise mar an ceudna. 33 Agus thug na h-Eiphitich dian-sparradh (1) do’n t-sluagh, a chum gu’n cuireadh iad le cabhaig a mach as an tìr iad; oir thubhairt iad, Is daoine marbha sinn gu léir. 34 Agus ghabh an sluagh an taois mun do ghoirticheadh i, an amaran-fuinidh ceangailte ’nan eudach air an guaillibh. 35 Agus rinn clann Israeil a réir focail Mhaois: agus dh’iarr iad o na h-Eiphitich seudan airgid, agus seudan òir, agus eudach. 36 Agus thug an Tighearna deagh-ghean do’n t-sluagh ann an sùilibh nan Eiphiteach, agus thug iad ’an coingheall (2) dhoibh: agus chreach iad na h-Eiphitich. 37 Agus dh’imich clann Israeil o Rameses gu Sucot, mu thimchioll sè ceud mìle fear d’ an cois, a thuilleadh air cloinn. 38 Agus mar an ceudna chaidh iomadaidh do shluagh eile (3) suas maille riu, agus treudan, agus buar, ro-mhòran spréidhe (4). 39 Agus dh’fhuin iad do’n taois a thugadh a mach as an Eiphit breacaga neo-ghoirtichte, oir cha do ghoirticheadh i; do bhrìgh gu ’n d’fhuadaicheadh iad a mach as an Eiphit, agus nach b’urradh iad fuireach, agus mar an ceudna nach do dheasaich iad biadh dhoibh féin. 40 A nis b’i aimsir cuairte chloinn Israeil, a bha iad a chòmhnuidh ’san Eiphit, ceithir cheud agus deich bliadhna fichead. 41 Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich bliadhn’ ’ar fhichead, air an là sin féin chaidh slòigh an Tighearn uile mach a tìr na h-Eiphit. 42 Is oidhche so gu bhi air a coimhead (5) gu h-àraidh do’n Tighearna, air son an toirt-san a mach a tìr na h-Eiphit: so an oidhche sin gu bhi air a coimhead do’n Tighearna le cloinn Israeil uile ’nan ginealachaibh. 43 Agus thubhairt an Tighearna re Maois agus re h-Aaron, So ordugh na caisge: cha’n ith coigreach (6) sam bith dhith. 44 Agus gach seirbhiseach duine, a cheannaicheadh le h-airgiod, an uair a thimchioll-ghearras tu e, ’an sin ithidh e dhith. 45 Cha’n ith coigreach no seirbhiseach tuarasdail dhith. 46 Ann an aon tigh ithear i; cha ghiùlain thu bheag do’n fheoil a mach as an tigh; ni mò a bhriseas sibh cnàimh dhith. 47 Ni coi’-thional Israeil uile sin. 48 Agus an uair a bhios coigreach air chuairt maille riut, agus a chumas e chàisg do’n Tighearna, timchioll-ghearrar gach firionnach aige, agus ’an sin thigeadh e am fagus g’a cumail, agus bithidh e mar neach a rugadh ’san tìr: ach cha ’n ith neach ’sam bith neo-thimchioll-ghearrta dhith. 49 Bithidh an t-aon lagh aige-san a rugadh ’san tìr, agus aig a’ choigreach a ta air chuairt ’nar measg. 50 Mar so rinn clann Israeil uile: mar a dh’àithn an Tigh- (1) geur-impidh. (2) iasad. (3) cumasg mòr sluaigh. (4) ro-mhòran ni. (5) cumail, gleidheadh. (6) mac coigrich. Eabh. [TD 118] ECSODUS. CAIB. XIII. earna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad. 51 Agus air an là sin féin thug an Tighearna mach clann Israeil a tìr na h-Eiphit a réir an slògh (1). CAIB. XIII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Naomhaich dhomhsa gach ceud-ghin, ge b’e air bith a dh’fhosgaileas a’ bhrù (2) a’ measg cloinn Israeil, eadar duine agus ainmhidh: is leamsa e. 3 Agus thubhairt Maois ris an t-sluagh, Cuimhnichibh an là so, air an d’thàinig sibh a mach as an Eiphit, a tigh na daorsa; oir le làimh thréin thug an Tighearn a mach sibh as sin: agus cha’n ithear (3) aran goirtichte. 4 Air an là ’n diugh thàinig sibh a mach ’am mìos Abib. 5 Agus an uair a bheir an Tighearna steach thu do thìr nan Canaanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, a mhionnaich e do d’ aithreachaibh gu’n d’ thugadh e dhuit, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil, ’an sin coimhididh tu an t-seirbhis so anns a’ mhìos so. 6 Seachd laithean ithidh tu aran neo-ghoirtichte, agus air an t-seachdamh là bithidh féisd do ’n Tighearna. 7 Ithear aran neo-ghoirtichte seachd laithean; agus cha’n fhaicear aran goirtichte agad, agus ni mò a chithear taois ghoirt agad ann ad chrìochaibh uile. 8 Agus innsidh tu do d’ mhac ’san là sin, ag ràdh, Nìthear so air sgàth an ni sin a rinn an Tighearna dhomhsa, ’nuair a thàinig mi mach as an Eiphit. 9 Agus bithidh e dhuit mar chomhar’ air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilibh, a chum gu’m bi lagh an Tighearn ann do bheul; oir le làimh thréin thug an Tighearna mach thu as an Eiphit. 10 Air an aobhar sin coimhididh (4) tu an t-ordugh so ’na thrà (5) féin o bhliadhna gu bliadhna. 11 Agus an uair a bheir an Tighearna steach thu do thìr nan Canaanach, mar a mhionnaich e dhuitse, agus do d’ aithreachaibh, agus a bheir e dhuit e, 12 ’An sin cuiridh tu air leth do’n Tighearna gach ni a dh’fhosgaileas a’ bhrù, agus gach ceud-ghin a thig o ainmhidh a’s leat-sa, buinidh iadsan a ta firionn ’nam measg do’n Tighearna. 13 Agus gach ceud-ghin asail fuasgailidh tu le h-uan; agus mur fuasgail thu e, ’an sin brisidh tu amhach: agus gach ceud-ghin duine a’ measg do chloinne fuasgailidh tu. 14 Agus an uair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot ’san aimsir re teachd, ag ràdh, Ciod é so? ’an sin their thu ris, Le làimh thréin thug an Tighearna mach sinn as an Eiphit, a tigh na daorsa: 15 Agus an uair a chruadhaich Pharaoh e féin, agus nach b’ àill leis an leigeadh air falbh, ’an sin mharbh an Tighearna gach ceud-ghin ann an tìr na h-Eiphit, araon ceud-ghin duine, agus ceud-ghin ainmhidh; air an (1) an armailtean. (2) a’ mhachlag; womb. Sasg. (3) cha’n ichear. (4) gleidhidh. (5) thràth, àm. [TD 119] ECSODUS. CAIB. XIV. aobhar sin ìobraidh mi do’n Tighearna gach ni a dh’fhosgaileas a’ bhrù, ma ’s firionnaich iad, ach uile cheud-ghin mo chloinne fuasgailidh mi. 16 Agus bithidh e mar chomhar’ air do làimh, agus mar eudanan eadar do shùilibh; oir le làimh thréin thug an Tighearn a mach sinn as an Eiphit. 17 Agus eadhon an uair a leig Pharaoh do’n t-sluagh imeachd, cha do threòraich (1) Dia iad air slighe tìre nam Philisteach, ge do bha sin aithghearr: oir thubhairt Dia, An t-eagal gu’m bi aithreachas air an t-sluagh an uair a chi iad cogadh, agus gu’m pill iad do’n Eiphit. 18 Ach threòraich Dia an sluagh ma’n cuairt, air slighe fàsaich na mara ruaidhe: agus chaidh clann Israeil suas ’an ordugh catha a tìr na h-Eiphit. 19 Agus thug Maois cnàmhan Ioseiph leis; oir ghabh e mionnan teann do chloinn Israeil, ag ràdh, Gu cinnteach amhaircidh Dia oirbhse, agus bheir sibh suas mo chnàmha leibh as so. 20 Agus dh’imich iad o Shucot, agus champaich iad ann an Etam, ann an iomall an fhàsaich. 21 Agus chaidh an Tighearna rompa ’san là ann an meall (2) neoil, a chum an treòrachadh air an t-slighe, agus ’san oidhche ann am meall teine, a thoirt soluis doibh; gu imeachd a là agus a dh’oidhche. 22 Cha d’ thug e air falbh am meall neoil ’san là, no ’m meall teine ’san oidhche, as làthair an t-sluaigh. CAIB. XIV. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, gu ’m pill iad, agus gu ’n campaich iad fa chomhair Phihahirot, eadar Migdol agus an fhairge, fa chomhair Bhaal-sephoin: fa choinneamh-san campaichidh sibh làimh ris an fhairge. 3 Oir their Pharaoh mu chloinn Israeil, Tha iad air seachran (3) ’san tìr, dh’iadh am fàsach mu’n timchioll. 4 Agus cruadhaichidh mise cridhe Pharaoih, agus théid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a thaobh Pharaoih agus a shlòigh uile; agus bithidh fios aig na h-Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin. 5 Agus dh’innseadh do righ na h-Eiphit gu’n do theich an sluagh: agus thionndaidh cridhe Pharaoih, agus a sheirbhiseach ’an aghaidh an t-sluaigh, agus thubhairt iad, Ciod é so a rinn sinn, gu’n do leig sinn le h-Israel imeachd as ar seirbhis? 6 Agus bheartaich (4) e a charbad, agus thug e a shluagh maille ris; 7 Agus thug e leis sè ceud carbad taghta, agus uile charbada na h-Eiphit, agus ceannardan orra uile. 8 Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Pharaoih righ na h-Eiphit, agus lean e air tòir (1) cha d’thug. (2) stac, baideal; pillar. Sasg. (3) air an amaladh. (4) dh’ulluich. [TD 120] ECSODUS. CAIB. XIV. chloinn Israeil: agus chaidh clann Israeil a mach le làimh ard. 9 Ach chaidh na h-Eiphitich air an tòir (eich agus carbadan Pharaoih, agus a mharc-shluagh, agus armailt uile) agus rug iad orra, agus iad a’ campachadh làimh ris an fhairge, làimh re Pihahirot, fa chomhair Bhaal-sephoin. 10 Agus an uair a thàinig Pharaoh am fagus, thog clann Israeil suas an sùilean, agus feuch, bha na h-Eiphitich air an tòir, agus bha eagal mòr orra: agus dh’éigh clann Israeil ris an Tighearna. 11 Agus thubhairt iad re Maois, An ann a chionn nach robh uaighean ’san Eiphit a thug thu leat sinn gu bàs fhaghail ’san fhàsach? C’ar son a rinn thu so oirn, ar tabhairt a mach as an Eiphit? 12 Nach e so am focal a labhair sinn riut ’san Eiphit, ag ràdh, Leig leinn seirbhis a dheanamh do na h-Eiphitich? Oir b’fhearr dhuinn seirbhis a dheanamh do na h-Eiphitich na bàs fhaghail ’san fhàsach. 13 Agus thubhairt Maois ris an t-sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàint’ an Tighearn, a dh’oibricheas e dhuibh an diugh; oir na h-Eiphitich a chunnaic sibh an diugh, cha’n fhaic sibh iad a chaoidh’ tuilleadh. 14 Cogaidh an Tighearn (1) air bhur son, agus fanaidh sibhse ’nar tosd. 15 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, C’ar son a ta thu ’g éigheach riumsa? Abair re cloinn Israeil dol air an aghaidh. 16 Ach togsa suas do shlat, agus sìn a mach do làmh os cionn na fairge, agus sgoilt i; agus théid clann Israeil a steach ’am meadhon na fairge air talamh tioram. 17 Agus cruadhaichidh mise, eadhon mise, cridhe nan Eiphiteach, agus théid iad a steach ’nan déigh: agus gheibh mise glòir a thaobh Pharaoih agus a thaobh a shlòigh uile, a thaobh a charbadan, agus a thaobh a mharc-shluaigh. 18 Agus bithidh fios aig na h-Eiphitich gur mise an Tighearna, ’nuair a gheibh mi glòir a thaobh Pharaoih, a thaobh a charbadan, agus a thaobh a mharc-shluaigh. 19 Agus dh’fhalbh aingeal an Tighearn a chaidh roimh champa Israeil, agus dh’imich e ’nan déigh; agus dh’fhalbh am meall neoil o ’m beulaobh, agus sheas e air an cùlaobh. 20 Agus thàinig e eadar campa nan Eiphiteach agus campa Israeil, agus bha e ’na neul, agus ’na dhorchadas dhoibh sud, ach shoillsich e ’n oidhche dhoibh so, air chor as nach d’thàinig a h-aon diubh am fagus d’a chéile rè na h-oidhche. 21 Agus shìn Maois a mach a làmh os cionn na fairge, agus thug an Tighearn air an fhairge dol air a h-ais le gaoith làdair o ’n ear rè na h-oidhche sin, agus rinn e ’n fhairge ’na talamh tioram, agus roinneadh na h-uisgeacha. 22 Agus chaidh clann Israeil a steach ’am meadhon na fairge air talamh tioram, agus bha na h-uisgeacha ’nam balla dhoibh (1) Ni an Tighearna cogadh. [TD 121] ECSODUS. CAIB. XV. air an làimh dheis, agus air an làimh chli. 23 Agus lean na h-Eiphitich, agus chaidh iad a steach ’nan déigh gu meadhon na fairge, eadhon eich Pharaoih uile, a charbadan, agus a mharc-shluagh. 24 Agus ann am faire na maidne dh’amhairc an Tighearn air sluagh nan Eiphiteach troimh (1) ’n mheall theine, agus neoil; agus chlaoidh e armailt nan Eiphiteach. 25 Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor as gu’n do tharruingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h-Eiphitich, Teicheamaid as làthair Israeil, oir tha ’n Tighearna cogadh leo-san ’an aghaidh nan Eiphiteach. 26 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Sìn a mach do làmh os cionn na fairge, chum gu’n d’thig na h-uisgeachan air an ais air na h-Eiphitich, air an carbadaibh, agus air am marc-shluagh. 27 Agus shìn Maois a mach a làmh os cionn na fairge, agus phill an fhairge g’a neart an uair a shoillsich a’ mhadainn; agus theich na h-Eiphitich ’na h-aghaidh: agus chuir an Tighearna na h-Eiphitich fodha (2) ’am meadhon na fairge. 28 Agus phill na h-uisgeachan, agus dh’fholaich iad na carbaid, agus am marc-shluagh, agus armailt Pharaoih (3) uile, a thàinig ’san fhairge ’nan déigh: cha d’fhàgadh uiread ’s a h-aon diubh. 29 Ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ’am meadhon na fairge, agus bha na h-uisgeacha ’nam balla dhoibh air an làimh dheis, agus air an làimh chli. 30 Mar so shaor an Tighearn Israel air an là sin a làimh nan Eiphiteach: agus chunnaic Israel na h-Eiphitich marbh air tràigh na fairge. 31 Agus chunnaic Israel an obair (4) mhòr sin a rinn an Tighearn air na h-Eiphitich, agus bha eagal an Tighearn air an t-sluagh, agus chreid iad an Tighearna, agus Maois a sheirbhiseach. CAIB. XV. ’AN sin chan (5) Maois agus clann Israeil an laoidh (6) so do’n Tighearna, agus labhair iad, ag ràdh, Canaidh mise do ’n Tighearn, oir thug e buaidh gu glòrmhar; an t-each agus a mharcach thilg e ’san fhairge. 2 ’S e ’n Tighearna mo neart, agus mo dhàn (7), agus tha e ’na shlàinte dhomh: ’s esan mo Dhia-sa, agus ni mi àite-còmhnuidh dha; Dia m’ athar, agus ardaichidh mi e. 3 Is fear-cogaidh an Tighearna; ’s e ’n Tighearn a’s ainm dha. 4 Carbadan Pharaoih, agus armailt thilg e ’san fhairge; agus tha rogha a cheannardan air am bàthadh ’san fhairge ruaidh (8). 5 Dh’fholaich na doimhneachdan iad; chaidh iad sìos do’n aigean mar chloich. 6 Rinneadh do dheas làmh, O Thighearna, glòrmhar ann an (1) trìd, Eir. (2) thilg e iad bun os cionn. (3) do armailt Pharaoih. Eabh. (4) làmh. Eabh. (5) sheinn. (6) òran. (7) m’òran, mo chliu. (8) ’san fhairge fheamuinich. [TD 122] ECSODUS. CAIB. XV. cumhachd; bhris do dheas làmh, O Thighearn, an nàmhaid ’na bhloighdibh. 7 Agus ann am meud t’òirdheirceis chlaoidh thu iadsan a dh’éirich suas a’d’ aghaidh; chuir thu t’fhearg a mach, loisg i suas (1) iad mar asbhuain. 8 Agus le anail do shròine chruinnicheadh na h-uisgeacha; sheas na tuilte suas mar thorr (2), chruadhaich (3) na doimhneachdan ’am meadhon na fairge. 9 Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsuichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad (4). 10 Shéid thu le d’ ghaoith, chòmhdaich an fhairge iad, chaidh iad fodha mar luaidh anns na h-uisgeachaibh làdair. 11 Cò ’s cosmhuil riuts’ am measg nan Dé (5), a Thighearna? Cò tha cosmhuil riut, glòrmhar ann an naomhachd, àghmhor (6) ann am moladh (7), a’ deanamh nithe iongantach? 12 Shìn thu mach do dheas làmh; shluig an talamh suas iad. 13 Threòraich thu ann ad thròcair an sluagh so a shaor thu; thug thu iad ann ad neart a chum àite-còmhnuidh do naomhachd. 14 ’Nuair a chluinneas na cinnich, bithidh eagal orra; thig doilgheas air luchd-àiteachaidh Phalestina. 15 ’An sin bithidh uamhann air cinn-fheadhna (8) Edoim, thig geilt-chrith air daoine treuna Mhoaib; leaghaidh air falbh luchd-àiteachaidh Chanaain uile. 16 Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghairdein bithidh iad tosdach mar chloich gus an d’théid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an d’ théid an sluagh so thairis, a cheannaich thu. 17 Bheir thu steach iad, agus suidhichidh tu iad ann an sliabh (9) t’ oighreachd-sa, anns an àit’ a rinn thu dhuit féin, a Thighearna, chum còmhnuidh a ghabhail ann, ’san ionad-naomha, a Thighearn, a dhaingnich do làmha-sa. 18 Rìoghaichidh an Tighearna gu saoghal nan saoghal. 19 Oir chaidh eich Pharaoih a steach le charbadaibh, agus le mharc-shluagh, ’san fhairge, agus thug an Tighearn uisgeacha na fairge air an ais orra; ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ’am meadhon na fairge. 20 Agus ghlac Miriam a’ bhan-fhàidh, piuthar Aaroin, tiompan ’na làimh; agus chaidh na mnài uile mach ’na déigh le tiompanaibh agus le dannsa (10). 21 Agus fhreagair Miriam iad, Canaibh do’n Tighearn, oir thug e buaidh gu glòrmhar; an t-each agus a mharcach thilg e ’san fhairge. 22 Mar sin thug Maois Israel o’n mhuir ruaidh, agus chaidh iad a mach gu fàsach Shuir, agus dh’imich iad tri laithean ’san fhàsach, agus cha d’ fhuair iad uisge. 23 Agus an uair a thàinig iad (1) dh’ith i suas, chuir i as doibh. Eabh. (2) mar chruaich, mar mheall. (3) dhaingnicheadh. (4) sealbhaichidh mo làmh iad mar oighreachd, bithidh tighearnas aig mo làimh orra. Eabh. (5) measg nan cumhachdach. (6) a’d’ chùis eagail, urramach. (7) ’am moltaibh. (8) ceannardan. (9) ann am beinn. (10) le feadagaibh. [TD 123] ECSODUS. CAIB. XVI. gu Marah, cha b’ urradh iad uisgeacha Mharaih òl, oir bha iad searbh; uime sin thugadh Marah mar ainm air. 24 Agus rinn an sluagh gearan (1) ’an aghaidh Mhaois, ag ràdh, Ciod a dh’òlas sinn? 25 Agus dh’éigh esan ris an Tighearna, agus nochd an Tighearna fiodh (2) dha, agus thilg e ’sna h-uisgeachaibh e, agus rinneadh na h-uisgeacha milis: ann an sin rinn e lagh agus ordugh dhoibh, agus ann an sin dhearbh e iad; 26 Agus thubhairt e, Ma dh’éisdeas tu gu dùrachdach re guth an Tighearna do Dhé, agus ma ni thu an ni sin a ta ceart ’na shealladh, agus ma bheir thu ’n aire d’a àitheantaibh, agus ma ghleidheas tu a reachdan (3) uile, a h-aon do na h-eucailibh (4) a chuir mi air na h-Eiphitich, cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearn a shlànuicheas thu. 27 Agus thàinig iad gu h-Elam far an robh dà thobar dheug uisge, agus deich agus tri fichead crann (5) pailme; agus champaich iad (6) ’an sin làimh ris na h-uisgeachaibh. CAIB. XVI. AGUS dh’fhalbh iad o Elim, agus thàinig coi’-thional chloinn Israeil uile gu fàsach Shin, a ta eadar Elim agus Sinai, air a’ chùigeadh là deug do’n dara mìos ’an déigh dhoibh teachd a mach a tìr na h-Eiphit. 2 Agus rinn coi’-thional chloinn Israeil uile gearan ’an aghaidh Mhaois agus Aaroin ’san fhàsach. 3 Agus thubhairt clann Israeil riu, B’fhearr gu ’m faigheamaid bàs le làimh an Tighearn ann an tìr na h-Eiphit, an uair a bha sinn ’nar suidhe làimh ris na poitibh feòla, agus an uair a dh’ith sinn aran gu’r sàth; oir thug sibh a mach sinn do’n fhàsach so, a mharbhadh a’ choi’-thionail so uile le h-ocras. 4 ’An sin thubhairt an Tighearna re Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o nèamh, agus théid an sluagh a mach, agus cruinnichidh iad cuibhrionn gach là air an là sin féin, a chum as gu’n dearbh mi iad, co ac’ a ghluaiseas iad ann am (7) lagh, no nach gluais. 5 Agus air an t-seathadh là ulluichidh iad an ni sin a bheir iad a steach, agus bithidh e dhà uibhir agus a chruinnicheas iad gach là eile. 6 Agus thubhairt Maois agus Aaron re cloinn Israeil uile, Mu fheasgar, ’an sin bithidh fios agaibh gu’n d’ thug an Tighearn a mach sibh a tìr na h-Eiphit: 7 Agus ’sa’ mhadainn, ’an sin chi sibh glòir an Tighearna; do bhrì’ gu bheil e a’ cluinntin bhur gearain ’an aghaidh an Tighearna: Agus ciod sinne, gu bheil sibh a’ deanamh gearain ’nar n-aghaidh? 8 Agus thubhairt Maois, Bithidh a’ chùis mar so ’nuair a bheir an Tighearna dhuibh ’san fheasgar feoil r’a h-itheadh, agus aran ’sa’ mhadainn gu’r sàth; do bhrì’ gu bheil an Tighearn a’ (1) monmhor, duarman. (2) craobh. (3) orduighean, àitheantan. (4) euslaintibh. (5) craobh. (6) shuidhich iad am pubuill, thàmh iad. (7) ann mo. [TD 124] ECSODUS. CAIB. XVI. cluinntinn bhur gearain a ta sibh a’ deanamh ’na aghaidh: Agus ciod sinne? cha’n ann ’nar n-aghaidh-ne tha bhur gearan, ach ’an aghaidh an Tighearna. 9 Agus thubhairt Maois re h-Aaron, Abair re coi’-thional chloinn Israeil uile, Thigibh am fagus ’an làthair an Tighearn, oir chual’ e bhur gearan. 10 Agus an uair a labhair Aaron re coi’-thional chloinn Israeil uile, dh’amhairc iad a dh’ionnsuidh an fhàsaich, agus feuch, dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearn ann an neul. 11 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 12 Chuala mi gearan chloinn Israeil; labhair riu, ag ràdh, Mu fheasgar ithidh sibh feoil, agus ’sa’ mhadainn sàsuichear sibh le h-aran: agus bithidh fios agaibh gur mise an Tighearna bhur Dia. 13 Agus an uair a bha ’m feasgar ann, ’an sin thàinig na gearra-goirt (1) a nìos, agus chòmhdaich iad an campa; agus anns a’ mhadainn bha ’n drùchd ’na luidhe mu thimchioll a’ champa. 14 Agus an uair a’ dh’éirich an drùchd a bha ’na luidhe suas, feuch, bha air aghaidh an fhàsaich ni beag cruinn, beag mar an liath-reodh air an talamh. 15 Agus an uair a chunnaic clann Israeil e, thubhairt iad gach aon r’a chéile, Mana (2): oir cha robh fhios aca ciod e. Agus thubhairt Maois riu, So an t-aran a thug an Tighearna dhuibh r’a itheadh. 16 So an ni a dh’àithn an Tighearna; Cruinnichibh dheth gach duine a réir itheannaich, omer do gach neach a réir àireimh bhur n-anmanna, gabhadh gach duine agaibh air an son-san a ta ’na bhùth. 17 Agus rinn clann Israeil mar sin, agus chruinnich iad, cuid ni bu mhò, agus cuid ni bu lugha (3). 18 Agus an uair a thomhais iad e le h-omer, cha robh a’ bheag thairis aige-san a chruinnich ni bu mhò, agus air-san a chruinnich ni bu lugha, cha robh uireasbhuidh: chruinnich gach duine a réir itheannaich. 19 Agus thubhairt Maois riu, Na fàgadh duine ’sam bith dheth gu madainn. 20 Gidheadh cha d’éisd iad re Maois, ach dh’fhàg cuid dheth gu madainn, agus ghin e cnuimhean, agus lobh e: Agus bha corruich air Maois riu. 21 Agus chruinnich iad e air gach madainn, gach duine a réir itheannaich: agus an uair a dh’fhàs a’ ghrian teth, leaghadh e. 22 Agus air an t-seathadh là chruinnich iad a dhà uiread arain, dà omer air son gach aon: agus thàinig uachdarain a’ choi’-thionail uile, agus dh’innis iad sin do Mhaois. 23 Agus thubhairt e riu, So an ni a labhair an Tighearna, Bithidh fois na sàbaide naomha do’n Tighearn am màireach: a’ mheud’s a tha sibh gu fhuineadh, fuinibh an diugh, agus a’ mheud ’s a tha sibh gu bhruicheadh, bruichibh; agus gach ni a bhios thairis, taisgibh suas dhuibh féin gu madainn. 24 Agus thaisg iad suas e gu (1) quails. Sasg. (2) Ciod é so? Eabh. (3) bu lagha. [TD 125] ECSODUS. CAIB. XVII. madainn, mar a dh’àithn Maois; agus cha do lobh e, ni mò a bha cnuimh ’sam bith ann. 25 Agus thubhairt Maois, Ithibh sin an diugh, oir tha sàbaid ann an diugh do’n Tighearna; an diugh cha’n fhaigh sibh e ’sa’ mhachair. 26 Sè laithean cruinnichidh sibh e, ach air an t-seachdamh là bithidh an t-sàbaid; cha bhi e ann air an la sin. 27 Agus tharladh air an t-seachdamh là gu’n deachaidh cuid do’n t-sluagh a mach g’a chruinneachadh, agus cha d’fhuair iad a’ bheag. 28 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Cia fhad’ a dhiùltas sibh m’àitheanta-san a choimhead (1), agus mo reachdan. 29 Faicibh, do bhrì’ gu’n d’thug an Tighearna dhuibh an t-sàbaid, air an aobhar sin tha e a’ tabhairt (2) dhuibh air an t-seathadh là aran dhà là: fanaibh, gach duine ’na àite féin; na rachadh duine ’sam bith a mach as àite air an t-seachdamh là. 30 Mar sin ghabh an sluagh fois air an t-seachdamh là. 31 Agus thug tigh Israeil Mana mar ainm air: agus bha e mar fhras coriandeir, geal, agus a bhlas mar abhlain (3) air an deanamh le mil. 32 Agus thubhairt Maois, So an ni a dh’àithn an Tighearna, Lìon omer dheth gu bhi air a ghleidheadh air son bhur ginealacha, chum gu faic iad an t-aran leis an do bheathaich mi sibh ’san fhàsach, an uair a thug mi mach sibh a tìr na h-Eiphit. 33 Agus thubhairt Maois re h-Aaron, Gabh soitheach (4), agus cuir ann làn omeir do Mhana (5), agus taisg e ’an làthair an Tighearna, gu bhi air a ghleidheadh air son bhur ginealacha. 34 Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin thaisg Aaron e ’an làthair na fianuis, gu bhi air a ghleidheadh. 35 Agus dh’ith clann Israeil am Mana dà fhichead bliadhna, gus an d’thàinig iad gu tìr àitichte: dh’ith iad am Mana gus an d’thàinig iad gu crìch tìre Chanaain. 36 A nis is e omer an deicheamh cuid do ephah. CAIB. XVII. AGUS dh’imich coi’-thional chloinn Israeil uile o fhàsach Shin, a réir an turusan, mar a dh’àithn an Tighearn, agus champaich iad ann an Rephidim; agus cha robh uisge ann do’n t-sluagh re òl. 2 Uime sin rinn an sluagh consachadh (6) re Maois, agus thubhairt iad, Thoir (7) dhuinn uisge chum as gu’n òl sinn. Agus thubhairt Maois riu, C’ar son a ta sibh a’ consachadh rium-sa? C’ar son a bhrosnaicheas sibh (8) an Tighearna? 3 Agus mhiannaich an sluagh uisge (9) ann an sin; agus rinn an sluagh gearan ’an aghaidh Mhaois, agus thubhairt iad, C’ar son so a thug thu nìos sinn as an Eiphit, a chum sinn féin a mhar- (1) a ghleidheadh. (2) a’ toirt. (3) bhreacagan. (4) poit. (5) Man. Eabh. (6) throid an sluagh. (7) Tabhair. (8) dhearbhas sibh, bhuaireas sibh, chuireas sibh cathachadh air. (9) bha tart uisge air an t-sluagh. [TD 126] ECSODUS. CAIB. XVIII. bhadh, agus ar clann, agus ar spréidh le tart? 4 Agus dh’éigh Maois ris an Tighearn, ag ràdh, Ciod a ni mi ris an t-sluagh so? is beag nach ’eil iad ’g am chlochadh. 5 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Imich roimh ’n t-sluagh, agus thoir leat cuid do sheanairibh Israeil; agus do shlat leis an do bhuail thu an abhainn, gabh a’d’ làimh, agus bi ’g imeachd: 6 Feuch, seasaidh mise romhad ’an sin air a’ charraig ann an Horeb, agus buailidh tusa a’ charraig, agus thig uisg’ a mach aisde, a chum gu’n òl an sluagh. Agus rinn Maois mar sin ann an sealladh sheanairean Israeil. 7 Agus thug e mar ainm air an àite Masah agus Meribah, air son consachaidh (1) chloinn Israeil, agus do bhrì’ gu’n do bhrosnuich (2) iad an Tighearn, ag ràdh, Am bheil an Tighearna ’nar measg, no nach ’eil? 8 ’An sin thàinig Amalec, agus chog e re h-Israel ann an Rephidim. 9 Agus thubhairt Maois re Iosua, Tagh a mach dhuinn daoine, agus falbh a mach, cog re h-Amalec: am màireach seasaidh mise air mullach an t-sléibh, agus slat Dhé a’m’ làimh. 10 Agus rinn Iosua mar a thubhairt Maois ris, agus chog e re h-Amalec. Agus chaidh Maois, Aaron, agus Hur, suas gu mullach an t-sléibh. 11 Agus an uair a thog Maois suas a làmh, ’an sin bhuadhaich Israel, agus an uair a leag e sìos a làmh, bhuadhaich Amalec. 12 Ach bha làmhan Mhaois trom, agus ghabh iad clach, agus chuir iad fuidhe i, agus shuidh e oirre: agus chum Aaron agus Hur suas a làmhan, fear dhiubh air aon taobh, agus fear air an taobh eile; agus bha a làmhan seasmhach gu dol fuidhe (3) na gréine. 13 Agus chlaoidh Iosua Amalec agus a dhaoine le faobhar a’ chlaidheimh. 14 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Sgrìobh so mar chuimhneachan ann an leabhar, agus aithris e ann an cluasaibh Iosua; oir dubhaidh mise as gu tur cuimhne Amaleic o bhi fuidh (4) nèamh. 15 Agus thog Maois altair, agus thug e Iehobhah-Nisi mar ainm oirre: 16 Oir thubhairt e, Do bhrì’ gu’n do mhionnaich an Tighearna, gu’m bi cogadh aig (5) an Tighearna re h-Amalec o linn gu linn. CAIB. XVIII. ’NUAIR a chuala Ietro, sagart Mhidiain, athair-céile Mhaois, gach ni a rinn Dia air son Mhaois, agus air son Israeil a shluaigh, gu’n d’thug an Tighearn a mach Israel as an Eiphit; 2 ’An sin thug Ietro, athair-céile Mhaois, leis Siporah bean Mhaois, ’an déigh dha a cur air a h-ais, 3 Agus a dithis mhac, d’am b’ ainm do h-aon diubh Gersom, (oir thubhairt e, A’m’ choigreach bha mi ann an tìr choimhich) (1) geur-chainnt, comh-stribh. (2) gu’n d’fheuch, gu’n do dhearbh. Eabh. (3) dol fodha, luidhe. (4) fo. (5) gu’n cathaich. [TD 127] ECSODUS. CAIB. XVIII. 4 Agus b’e ainm an fhir eile Elieser, (oir rinn Dia m’ athar, thubhairt e, còmhnadh rium, agus shaor e mi o chlaidheamh Pharaoih) 5 Agus thàinig Ietro, athair-céile Mhaois, agus a mhic, agus a bhean, a dh’ionnsuidh Mhaois do’n fhàsach, far an do champaich e aig sliabh Dhé. 6 Agus thubhairt e re Maois, Tha mise d’athair-céile Ietro, air teachd a’d’ ionnsuidh, agus do bhean, agus a dithis mhac maille ria. 7 Agus chaidh Maois a mach ’an coinneamh athar-céile, agus rinn e ùmhlachd (1) dha, agus phòg se e, agus dh’altaich iad beatha a’ chéile (2), agus thàinig iad a steach do’n bhùth. 8 Agus dh’innis Maois d’a athair-céile gach ni a rinn an Tighearn air Pharaoh, agus air na h-Eiphitich air sgàth Israeil, gach saothair (3) a thàinig orra air an t-slighe, agus cionnus a shaor an Tighearn iad. 9 Agus rinn Ietro gairdeachas a leth a’ mhaith sin uile a rinn an Tighearna do Israel, a shaor e a làimh nan Eiphiteach. 10 Agus thubhairt Ietro, Beannaichte gu robh an Tighearn, a shaor sibh a làimh nan Eiphiteach, agus a làimh Pharaoih, a shaor an sluagh o bhi fuidh làimh nan Eiphiteach. 11 A nis tha fios agam gur mò an Tighearna na na h-uile dhée; oir anns an ni sin anns an do rinn iad gu h-uaibhreach, bha esan os an ceann. 12 Agus ghabh Ietro, athair-céile Mhaois, tabhartas-loisgte agus ìobairte do Dhia: Agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean Israeil a dh’itheadh arain maille re athair-céile Mhaois ’an làthair Dhé. 13 A nis air an là màireach shuidh Maois gu breth a thoirt air an t-sluagh; agus sheas an sluagh làimh re Maois o mhadainn gu feasgar. 14 Agus an uair a chunnaic athair-céile Mhaois gach ni a rinn e ris an t-sluagh, thubhairt e, Ciod e an ni so a tha thu deanamh ris an t-sluagh? C’ar son a ta thusa a’d’ shuidhe a’d’ aonar, agus a ta ’n sluagh uile a’ seasamh làimh riut o mhadainn gu feasgar? 15 Agus thubhairt Maois r’a athair-céile, Do bhrì’ gu’n d’thig an sluagh a’m’ ionnsuidh a dh’fhiosrachadh o Dhia. 16 ’Nuair a bhios cùis aca, thig iad a’m’ ionnsuidh, agus bheir mi breth eadar duine agus duine, agus nochdaidh mi dhoibh orduighean Dhé, agus a laghanna. 17 Agus thubhairt athair-céile Mhaois ris, Cha mhath an ni a ta thu deanamh. 18 Caithidh (4) tu as gu tur, araon thu féin, agus an sluagh so a ta maille riut, oir a ta an ni so ro-throm air do shon; cha’n ’eil e ’n comas duit a dheanamh a’d’ aonar. 19 A nis ma ta éisd re m’ ghuth, bheir mi comhairl’ ort, agus bithidh Dia maille riut: bi-sa air son an t-sluaigh ’an làthair Dhé, agus bheir thu na cùisean a dh’ionnsuidh Dhé: 20 Agus teagaisgidh tu dhoibh (1) chrom se e féin. Eabh. (2) dh’fheòraich iad mu leas a chéile, ghabh iad sgeula mu shlàint’ a chéile. (3) dragh. (4) Seargaidh. [TD 128] ECSODUS. CAIB. XIX. na h-orduighean agus na laghanna, agus nochdaidh tu dhoibh an t-slighe air an còir dhoibh imeachd, agus an obair a’s còir dhoibh a dheanamh. 21 Agus taghaidh tu a mach as an t-sluagh uile, daoine foghainteach (1), air am bi eagal Dé, daoine fìrinneach, a dh’fhuathaicheas sannt; agus cuiridh tu iad os an cionn ’nan uachdaranaibh (2) mhìlte, ’nan uachdaranaibh cheuda, ’nan uachdaranaibh leth-cheuda, agus ’nan uachdaranaibh dheichnear. 22 Agus bheir iad breth air an t-sluagh anns gach àm; ach gach cùis mhòr bheir iad a’d’ ionnsuidh-sa, agus air gach cùis bhig bheir iad féin breth: mar sin bithidh e ni’s eutruime dhuit-se, agus iomcharaidh iadsan an callach maille riut. 23 Ma ni thu an ni so, agus gu’n àithn Dia sin dhuit, ’an sin is urrainn thu seasamh ris, agus mar an ceudna théid an sluagh so uile d’an àite féin ’an sìth. 24 A nis dh’éisd Maois re guth athar-céile, agus rinn e gach ni a thubhairt e. 25 Agus thagh Maois daoine foghainteach a mach a h-Israel uile, agus rinn e iad ’nan ceannardaibh air an t-sluagh; ’nan uachdaranaibh mhìlte, ’nan uachdaranaibh cheuda, ’nan uachdaranaibh leth-cheuda, agus ’nan uachdaranaibh dheichnear. 25 Agus thug iad breth air an t-sluagh anns gach àm: na cùisean cruaidh thug iad a dh’ionnsuidh Mhaois, ach air gach cùis bhig thug iad féin breth. 27 Agus leig Maois le athair-céile imeachd; agus dh’fhalbh e roimhe d’a thìr féin. CAIB. XIX. ANNS an treas mìos ’an déigh do chloinn Israeil teachd a mach a tìr na h-Eiphit, ’san là sin féin thàinig iad gu fàsach Shinai. 2 Oir dh’imich iad o Rephidim, agus thàinig iad gu fàsach Shinai, agus champaich iad ’san fhàsach; agus champaich Israel ann an sin fa chomhair an t-sléibh (3). 3 Agus chaidh Maois suas a dh’ionnsuidh Dhé, agus ghairm an Tighearn air as an t-sliabh, ag ràdh, Mar so their thu re tigh Iacoib, agus innsidh tu do chloinn Israeil: 4 Chunnaic sibh na rinn mi ris na h-Eiphitich, agus cionnus a ghiùlain mi sibhse mar air sgiathaibh iolairean, agus a thug mi a m’ ionnsuidh féin sibh. 5 A nis ma ta, ma dh’éisdeas sibh da rìreadh re m’ ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choi’-cheangal, an sin bithidh sibh dhomhsa ’nar n-ionmhas sònraichte (4) os cionn nan uile shluagh; oir is leams’ an talamh uile. 6 Agus bithidh sibh dhomhsa ’nar rìoghachd shagart, agus ’nar cinneach naomha. Is iad sin na briathran a labhras tu re cloinn Israeil. 7 Agus thàinig Maois, agus ghairm e air seanairean an t-sluaigh, agus chuir e rompa na briathra sin uile a dh’àithn an Tighearna dha. (1) comasach. (2) ’nan riaghladairibh. (3) fa chomhair na beinne. (4) sealbh àraid. [TD 129] ECSODUS. CAIB. XIX. 8 Agus fhreagair an sluagh uile le h-aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach ni a labhair an Tighearna, ni sinne. Agus thug Maois air ais briathran an t-sluaigh a dh’ionnsuidh an Tighearna. 9 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Feuch, thig mis’ a’d’ ionnsuidh ann an neul tiugh, a chum gu’n cluinn an sluagh an uair a labhras mi riut, agus mar an ceudna gu’n creid iad thu gu sìorruidh. Agus dh’innis Maois briathran an t-sluaigh do’n Tighearna. 10 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Imich a dh’ionnsuidh an t-sluaigh, agus naomhaich iad an diugh, agus am màireach, agus nigheadh iad an eudach, 11 Agus bitheadh iad deas air cheann an treas là (1); oir air an treas là thig an Tighearn a nuas ann an sealladh an t-sluaigh uile air sliabh Shinai. 12 Agus suidhichidh tu crìocha do’n t-sluagh m’ an cuairt, ag ràdh, Thugaibh an aire dhuibh féin, nach d’théid sibh suas do’n t-sliabh, agus nach bean sibh r’a iomall: gach neach a bheanas ris an t-sliabh, gu cinnteach cuirear gu bàs e. 13 Cha bhean làmh ris; oir gu deimhin clochar e, no sàthar sleagh troimhe (2): ma’s ainmhidh no duine e, cha mhair e beo. ’Nuair a shéideas an trompaid (3) rè ùin’ fhada, thig iadsan a nìos do’n t-sliabh. 14 Agus chaidh Maois sìos o’n t-sliabh a dh’ionnsuidh an t-sluaigh, agus naomhaich e ’n sluagh, agus nigh iad an eudach. 15 Agus thubhairt e ris an t-sluagh, Bithibh deas air cheann an treas là: na d’thigibh am fagus d’ar mnaibh. 16 Agus an uair a thàinig an treas là, anns a’ mhadainn bha tairneanaich agus dealanaich ann, agus neul tiugh air an t-sliabh, agus fuaim na trompaid ro-ard: agus chriothnaich an sluagh uile a bha ’sa champa. 17 Agus thug Maois an sluagh a mach as a’ champa ’an coinneamh Dhé, agus sheas iad aig ìochdar an t-sléibh (4). 18 Agus bha sliabh Shinai uile fa dheataich, do bhrì’ gu’n d’thàinig an Tighearn a nuas air ann an teine; agus dh’éirich a dheatach suas mar dheataich àmhuinn (5), agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr. 19 Agus an uair a bha fuaim na trompaid a’ dol a mach, agus a’ fàs ro-làdair, ’an sin labhair Maois, agus fhreagair Dia e le guth. 20 Agus thàinig an Tighearn a nuas air sliabh Shinai, air mullach an t-sléibh: agus ghairm an Tighearna Maois suas gu mullach an t-sléibh, agus chaidh Maois suas. 21 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Imich sìos, thoir àithne do’n t-sluagh (6) an t-eagal gu’m bris iad a steach a dh’ionnsuidh an Tighearn a dh’amharc, agus gu’n tuit mòran diubh. 22 Agus mar an ceudna na sagairt a thig am fagus do’n Tighearna, naomhaicheadh iad iad (1) ’an coinneamh an treas là. (2) trìd. Eir. (3) an adharc; stoc. Eir. (4) aig bun na beinne. (5) fuirneis, teallaich. (6) earail do’n t-sluagh. [TD 130] ECSODUS. CAIB. XX. féin, an t-eagal gu’m bris an Tighearn a mach orra (1). 23 Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Cha ’n’eil e ’n comas do’n t-sluagh teachd a nìos do shliabh Shinai; oir thug thu àithne dhuinn, ag ràdh, Cuir crìocha mu’n t-sliabh, agus naomhaich e. 24 Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich romhad, falbh sìos, agus thig a nìos thu féin, agus Aaron maille riut; ach na briseadh na sagartan agus an sluagh a steach, gu teachd a nìos a dh’ionnsuidh an Tighearn, an t-eagal gu’m bris e mach orra. 25 Agus chaidh Maois sìos a dh’ionnsuidh an t-sluaigh, agus labhair e riu. CAIB. XX. AGUS labhair Dia na briathra so uile, ag ràdh, 2 Is mis’ an Tighearna do Dhia, a thug a mach thu a tìr na h-Eiphit, a tigh na daorsa. 3 Na biodh dée ’sam bith eile agad a’m’ làthair-sa. 4 Na dean dhuit féin dealbh snaidhte (2), no coslas ’sam bith a dh’aon ni, a ta ’sna nèamhaibh shuas, no air an talamh shìos (3), no ’sna h-uisgeachaibh fuidh ’n talamh. 5 Na crom thu féin sìos doibh, agus na dean seirbhis doibh: oir mis’ an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhar mi, a’ leantuinn aingidheachd nan aithreacha air a’ chloinn, air an treas (4), agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi; 6 Agus a’ nochdadh tròcair do mhìltibh dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimhideas m’àitheanta. 7 Na tabhair (5) ainm an Tighearna do Dhé ’an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neo-chiontach esan a bheir ainm ’an dìomhanas. 8 Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh. 9 Sè laithean saothraichidh tu, agus ni thu t’obair uile. 10 Ach air an t-seachdamh là tha sàbaid an Tighearna (6) do Dhé: air an là sin na dean obair ’sam bith, thu féin, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no do bhan-oglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a ta ’n taobh a stigh do d’ gheataibh (7): 11 Oir ann an sè laithibh rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach ni a ta annta; agus ghabh e fois air an t-seachdamh là: air an aobhar sin bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich se e. 12 Tabhair onoir do t’athair, agus do d’ mhàthair; a chum as gu’m bi do làithean buan air an fhearann a tha ’n Tighearna do Dhia a’ toirt dhuit. 13 Na dean mortadh. 14 Na dean adhaltrannas. 15 Na dean gaduigheachd. 16 Na tabhair fianuis bhréige ’n aghaidh do choimhearsnaich. 17 Na sanntaich tigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no òglach, no bhan-oglach, no dhamh (8), no asal, no aon ni a’s le do choimhearsnach. 18 Agus mhothaich (9) an sluagh (1) gu’n sgrios an Tighearn iad. (2) ìomhaigh shnoighte, ghràbhalta. (3) a bhos. (4) gus an treas. (5) Na d’thoir. (6) do’n Tighearna. Eabh. (7) dhorsaibh. (8) tharbh. Eabh. (9) chunnaic. Eabh. [TD 131] ECSODUS. CAIB. XXI. uile na tairneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fa dheataich (1): agus an uair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fad’ o làimh (2). 19 Agus thubhairt iad re Maois, Labhair thusa ruinn, agus éisdidh sinn: ach na labhradh Dia ruinn, an t-eagal gu’m faigh sinn bàs. 20 Agus thubhairt Maois ris an t-sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a chum bhur dearbhadh a thàinig Dia, agus a chum gu’m bi eagal-san oirbh (3), air chor as nach peacaich sibh. 21 Agus sheas an sluagh fad’ o làimh, agus thàinig Maois am fagus do’n dorchadas, far an robh Dia. 22 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Mar so their thu re cloinn Israeil, Chunnaic sibh gu’n do labhair mi ribh o na nèamhaibh. 23 Cha dean sibh maille riumsa dée airgid, agus dée òir cha dean sibh dhuibh féin. 24 Altair do thalamh ni thu dhomhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartais-loisgte, agus do thabhartais-sìth, do chaoraich, agus do dhaimh (4): anns gach àite ’san d’thoir mise fa’-near gu’n cuimhnichear m’ainm, thig mi a d’ ionnsuidh, agus beannaichidh mi thu. 25 Agus ma ni thu altair chloiche dhomh, cha tog thu i le cloich shnaidhte; oir ma thogas tu d’inneal-snaidhidh suas oirre, truaillidh tu i. 26 Ni mò théid thu suas air ceumaibh a dh’ionnsuidh m’altarach, a chum nach leigear ris do lomnochduigh (5) oirre. CAIB. XXI. A NIS is iad so na breitheanais a chuireas tu rompa. 2 Ma cheannaicheas tu òglach (6) Eabhruidheach, sè bliadhna ni e seirbhis; agus ’san t-seachdamh théid e mach saor a nasguidh. 3 Ma’s ann a mhàin leis féin a thàinig e steach, leis féin théid e mach; ma bha bean aige, théid mar an ceudna a bhean a mach maille ris. 4 Ma thug a mhaighstir dha bean, agus gu’n d’rug i dha mic, no nigheana; bithidh a’ bhean agus a clann aig a maighstir, agus théid esan a mach leis féin. 5 Ach ma their an t-òglach gu cinnteach, Is toigh leam mo mhaighstir (7), mo bhean, agus mo chlann, cha d’théid mi mach saor: 6 ’An sin bheir a mhaighstir e chum nam breitheamhna; bheir e mar an ceudna chum an doruis e, no chum ursainn an doruis, agus tollaidh a mhaighstir a chluas le minidh, agus ni e seirbhis dha gu bràth. 7 Agus ma reiceas (8) duine a nighean gu bhi ’na ban-oglaich (9), cha d’théid i mach mar a théid na h-òglaich. 8 Mur taitinn i r’a maighstir, a rinn ceangal-pòsaidh ria, ’an sin bheir e fa’near gu’m fuasgailear i: re cinneach coimheach cha bhi comas aige a reiceadh, do bhrì’ gun do bhuin e gu cealgach ria. 9 Agus ma cheangail e r’a (1) ag smùidrich. (2) fad’ as, fad’ air astar. (3) air bhur gnùis. Eabh. (4) do bhuar. (5) do dhìomhaireachd. (6) seirbhiseach, tràill, daorsanach. (7) Tha gràdh agam air mo mhaighstir. (8) chreiceas. (9) ban-tràill. [TD 132] ECSODUS. CAIB. XXI. mhac i, a réir modh nan nighean ni e ria. 10 Ma ghabhas e bean eile dha féin, a biadh, a h-eudach, agus a dlighe-pòsaidh (1), cha lughdaich e (2). 11 Agus mur dean e na tri nithe sin ria, ’an sin théid i mach saor gun airgiod. 12 Esan a bhuaileas duine air chor as gu’m bàsaich e, gu cinnteach cuirear gu bàs e. 13 Agus mur do luidh duine ’am plaid (3), ach gu’n d’thug Dia thairis g’a làimh (4) e, ’an sin sònruichidh (5) mis’ àite dhuit d’an teich e. 14 Ach ma thig duine gu dàna air a choimhearsnach, gu mharbhadh le ceilg, o m’ altair bheir thu e, a chum gu ’m bàsaich e. 15 Agus esan a bhuaileas athair, no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e. 16 Agus esan a ghoideas duine, agus a reiceas e, no ma gheibhear ’na làimh e, gu cinnteach cuirear gu bàs e. 17 Agus esan a mhallaicheas athair no mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e. 18 Agus ma ni daoine comh-stri’, agus gu’m buail duine a choimhearsnach le cloich, no le dhorn, agus nach faigh e bàs, ach gu’n gabh e a leaba: 19 Ma dh’éireas e, agus gu’n siubhail e mach air a luirg, ’an sin saorar esan a bhuail e; a mhàin dìolaidh e air son call ùine, agus bheir e fa’near a leigheas gu h-iomlan. 20 Agus ma bhuaileas duine òglach, no bhan-oglach le slait, agus gu’m bàsaich e fa làimh, dìolar air gu deimhin: 21 Ach ma mhaireas e beo (6) là no dà là, cha dìolar air; oir is e airgiod e. 22 Agus ma ni daoine comh-stri’, agus gu’m buail iad bean thorrach, agus gu’n dealaich i r’a cloinn, ach nach faigh i bàs (7); cuirear gu cinnteach ùbhla air, a réir mar a chuireas fear na mnà air, agus bheir e seachad mar a dh’orduicheas na breitheamhna (8). 23 Ach ma gheibh i bàs, ’an sin bheir thu anam air son anma, 24 Sùil air son sùla, fiacail air son fiacla, làmh air son làimhe, cos air son coise, 25 Losgadh air son losgaidh, lot (9) air son lotaidh, buille air son buille. 26 Agus ma bhuaileas duine sùil òglaich, no sùil a bhan-oglaich, agus gu mill e i, leigidh se as saor e air son a shùla. 27 Agus ma chuireas e fiacail a òglach, no fiacail as a bhan-oglaich, leigidh se as saor e air son fhiacla. 28 Agus ma reubas damh (10) duine no bean le adhairc, agus gn’m faigh e bàs, gu cinnteach clochar an damh, agus cha ’n ithear fheoil; ach bithidh sealbhadair an daimh neo-chiontach. 29 Ach ma ghnàthaich an damh sàthadh (11) le adhaircibh ’san aimsir roimhe sin, agus gu’n (1) dubharaidh; dowry. Sasg. (2) cha chuir e ’n laghad. (3) mur robh duine a’ feitheamh fàth. (4) dh’ionnsuidh a làimh. (5) sùnruichidh, suidhichidh, orduichidh. (6) ma sheasas e ris. (7) nach d’thig beud ’na lorg. (8) breitheachan. (9) cneadh. (10) tarbh. Eabh. (11) ma bha’n damh gunaideach, ma b’àbhuist da purradh. [TD 133] ECSODUS. CAIB. XXII. do dhearbhadh sin d’a shealbhadair, agus nach do ghleidh e stigh e, agus gu’n do mharbh e duine no bean, clochar an damh, agus cuirear mar an ceudna a shealbhadair gu bàs. 30 Ma chuirear airgiod-réitich air, ’an sin bheir e mar éirig anma ge b’e ni a chuirear air. 31 Ma’s mac a reub e le adhairc, no ma’s nighean a reub e, a réir a’ bhreitheanais so nithear ris. 32 Ma reubas an damh òglach no ban-oglach, bheir e deich secel ’ar fhichead airgid d’am maighstir, agus clochar an damh. 33 Agus ma dh’fhosglas duine slochd, no ma chladhaicheas duine slochd, agus nach còmhdaich se e, agus gu’n tuit damh no asal ann; 34 Ni esan d’am buin an slochd suas an calldach, bheir e airgiod d’an sealbhadair, agus is leis féin am beathach marbh. 35 Agus ma reubas damh neach air bith damh neach eile, agus gu’m faigh e bàs, ’an sin reicidh iad an damh beo, agus roinnidh iad an t-airgiod a fhuaradh, air a shon, agus roinnidh iad mar an ceudna an damh marbh: 36 No ma bha fhios gu’n do ghnàthaich an damh sàthadh le adhaircibh ’san aimsir roimhe sin, agus nach do ghleidh a shealbhadair a stigh e, gu cinnteach ìocaidh e damh air son daimh, agus is leis féin am marbh. CAIB. XXII. MA ghoideas duine damh no caora, agus gu marbh se e, no gu’n reic se e, dìolaidh e (1) cùig daimh air son an daimh, agus ceithir caoraich air son na caorach. 2 Ma gheibhear gaduiche a’ briseadh a stigh, agus gu’m buailear e, agus gu’m faigh e bàs, cha dòirtear fuil air a shon: 3 Ma bhios a’ ghrian air éirigh air, dòirtear fuil air a shon. Ni esan a ghoideas dìoladh iomlan (2): mur bi ni ’sam bith aige, ’an sin reicear e air son a ghaduigheachd. 4 Ma gheibhear gu cinnteach a’ mheirle (3) ’na làimh beò, ma’s damh e, no asal, no caora; dìolaidh se dùbailt’ (4) e. 5 Ma bheir duine fa’near gu’n ithear suas fearann no fìon-lios (5), agus gu’n cuir e ainmhidh ann, agus gu ’m biadhar e ann am fearann duin’ eile; do’n chuid a’s fearr d’a fhearann féin, agus do’n chuid a’s fearr d’a fhìon-lios féin, ni e dìoladh (6). 6 Ma bhriseas teine a mach, agus gu’n tachair e air droighinn (7), agus gu’n loisgear na cruachan arbhair, no ’n t-arbhar ’na sheasamh, no’n t-achadh (8); ni esan a rinn an losgadh gu cinnteach dìoladh. 7 Ma bheir duine d’a choimhearsnach airgiod, no airneis, g’a ghleidheadh, agus gu’n goidear a tigh an duine e; ma gheibhear an gaduiche, dìolaidh se dùbailt’ e. 8 Mur faighear an gaduiche, ’an sin théid maighstir an tighe a dh’ionnsuidh nam breitheamhna, a dh’fheuchainn co ac’ a shìn e mach a làmh gu cuid a choimhearsnaich. 9 Air son gach gnè choire, air son daimh, air son asail, air son (1) bheir e uaith, aisigidh e, cui’tichidh e. (2) oir bu chòir dha dìoladh iomlan a dheanamh. (3) an ni sin a ghoid e. (4) dà-fhillte. (5) fìon-gharadh. (6) coi’-leasachadh. (7) gu’m faigh e droighionn. Eabh. (8) an raon. [TD 134] ECSODUS. CAIB. XXII. caorach, air son eudaich, air son gach ni a chaidh chall, a their neach eile gur leis féin; ’an làthair nam breitheamhna thig cùis gach aon diubh: esan a dhìteas na breitheamhna, dìolaidh e dùbailte d’a choimhearsnach. 10 Ma bheir duine d’a choimhearsnach asal, no damh, no caora, no ainmhidh ’sam bith g’a ghleidheadh, agus gu’m faigh e bàs, no gu’n ciurrar e, no gu’n iomainear air falbh e, gun neach air bith ’ga fhaicinn: 11 ’An sin bithidh mionnan an Tighearn eatorra le chéile, nach do shìn e a làmh gu cuid a choimhearsnaich: agus gabhaidh a shealbhadair sin uaith, agus cha dean esan dìoladh. 12 Agus ma ghoideadh uaith e, dìolaidh e d’a shealbhadair. 13 Ma reubadh as a chéile e, thugadh e leis mar fhianuis e; air son an ni sin a chaidh reubadh, cha dìol e. 14 Agus ma dh’iarras (1) duine ni ’an coingheall (2) o choimhearsnach, agus gu’n ciurrar e, no gu’m faigh e bàs, gun a shealbhadair a bhi maille ris; gu cinnteach dìolaidh e. 15 Ach ma bhios a shealbhadair maille ris, cha dìol e: ma’s ni air son tuarasdail (3) e, thàinig e air son a thuarasdail. 16 Agus ma mheallas duine maighdean, nach ’eil fuidh cheangal-pòsaidh, agus gu’n luidh e leatha, gu cinnteach gabhaidh se i dha féin mar mhnaoi. 17 Ma dhiùltas a h-athair gu tur a tabhairt da, dìolaidh e airgiod a réir tochraidh nam maighdean (4). 18 Cha leig thu le ban-fhiosaiche (5) bhi beò. 19 Ge b’e neach a luidheas le h-ainmhidh, gu cinnteach cuirear gu bàs e. 20 Esan a dh’ìobras do dhéibh ’sam bith, ach do’n Tighearn a mhàin, gearrar as e. 21 Air coigreach cha chuir thu doilgheas, ni mò a ni thu foirneart air; oir bha sibh féin ’nar coigrich ann an tìr na h-Eiphit. 22 Re bantraich (6) ’sam bith, no dìleachdan (7), cha bhuin sibh gu cruaidh. 23 Ma bhuineas tu air chor sam bith gu cruaidh riu, agus gu’n glaodh iad idir riumsa, éisdidh mise gu cinnteach r’an glaodh. 24 Agus lasaidh suas mo chorruich, agus marbhaidh mi sibh leis a’ chlaidheamh; agus bithidh bhur mnài ’nam bantraichibh, agus bhur clann ’nan dìleachdain. 25 Ma bheir thu airgiod ’an coingheall do neach air bith do m’ shluagh-sa a ta bochd làimh riut, cha bhi thu dha mar neach a chuireas airgiod air riadh (8); cha chuir thu riadh air. 26 Ma ghabhas tu idir eudach do choimhearsnaich ann an geall, mu dhol fodha na gréine bheir thu air ais dha e: 27 Oir is e sin a chòmhdach a mhàin, is e eudach d’a chroicionn e: ciod anns an coidil e? agus an uair a dh’éigheas e rium, éisdidh mise; oir a ta mi tròcaireach. 28 Air breitheamhnaibh (9) cha labhair thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha chàin (10) thu. (1) ma ghabhas. (2) air iasachd. (3) luach-saoithreach. (4) a réir crodh nan òigh. (5) buidsich, ban-bhusdraich. (6) bain-treabhaich. (7) leanabh gun athair. (8) ocar. (9) déibh. Eabh. (10) cha mhallaich. [TD 135] ECSODUS. CAIB. XXIII. 29 Ceud thoradh d’fhearainn, agus d’fhìon-lios, gun dàil bheir thu seachad: ceud-ghin do mhac bheir thu dhomhsa. 30 Mar sin ni thu re d’chrodh, agus re d’ chaoraich: seachd laithean bithidh e maille r’a mhàthair, air an ochdamh là bheir thu dhomhs’ e. 31 Agus bithidh sibh ’nar daoine naomha dhomhsa, agus feoil ’sam bith a reubadh le fiadh-bheathaichibh ’sa’ mhachair, cha’n ith sibh: chum nan con tilgidh sibh i. CAIB. XXIII. CHA tog thu tuairesgeul (1) bréige: na cuir do làmh maille ris an aingidh gu bhi d’fhianuis air an eucoir. 2 Cha lean thu a’ mhòr chuideachd a dh’ionnsuidh an uilc, agus cha labhair (2) thu ann an cùis, gu claonadh ’an déigh a’ mhòrain, chum breth fhiaradh. 3 Agus re duine bochd cha bhi thu bàigheil (3) ’na chùis. 4 Ma thachaireas tu air damh do nàmhaid, no asal a’ dol air seacharan (4), bheir thu gu cinnteach air ais e d’a ionnsuidh. 5 Ma chi thu asal duine aig am bheil fuath dhuit a’ luidhe fa h-eallaich, agus gu’n smuainich thu air fantuinn o chòmhnadh dheanamh ria, ni thu gu cinnteach còmhnadh ria. 6 Cha chlaon (5) thu breth do bhochd ’na chùis. 7 O chùis-bhréige cum thu féin am fad; agus an neo-chiontach agus an t-ionraic na marbh: oir cha ’n fhìreanaich mise an t-aingidh. 8 Agus tiodhlac (6) cha ghabh thu; oir dallaidh tiodhlac na daoine glice, agus claonaidh e briathra nan daoine ionraic. 9 Agus air coigreach na dean foirneart: oir is aithne dhuibh inntinn (7) coigrich, do bhrì’ gu’n robh sibh féin ’nar coigrich ann an tìr na h-Eiphit. 10 Agus sè bliadhnan cuiridh tu t’fhearann, agus cruinnichidh tu stigh a thoradh (8). 11 Ach air an t-seachdamh fàgaidh tu mach (9) e, agus leigidh tu leis luidhe ’na thàmh, a chum gu’n ith bochdan do shluaigh, agus na dh’fhàgas iadsan, gu’n ith beathaiche na machrach e. Air a’ mhodh cheudna ni thu re d’fhìon-lios, agus re d’ lios-olaidh. 12 Sè laithean ni thu t’obair, agus air an t-seachdamh là gabhaidh tu fois; a chum gu faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gu faigh mac do bhan-oglaich agus an coigreach anail. 13 Agus a thaobh nan uile nithe a labhair mi ribh, bithibh faicilleach; agus air ainm dée eile na luaidhibh (10): na cluinnear as bhur beul e. 14 Tri uaire cumaidh tu féisd dhomhsa ’sa’ bhliadhna. 15 Féisd an arain neo-ghoirtichte cumaidh tu: seachd laithean ithidh tu aran neo-ghoirtichte, mar a dh’àithn mi dhuit, ’san àm shuidhichte do’n mhìos Abib; oir anns a’ mhios sin thài- (1) iomradh. (2) fhreagair. Eabh. (3) cha nochd thu iochd, cha’n ùidh thu leis, cha ghabh thu leis. (4) air faontradh. (5) Cha’n fhiar. (6) tiodhlacadh, gibht. (7) cridhe. (8) a bhàrr. (9) fàs. (10) na deanaibh iomradh. [TD 136] ECSODUS. CAIB. XXIII. nig thu mach as an Eiphit: agus cha d’thig neach air bith a’m’ làthair-sa falamh: 16 Agus féisd an fhogharaidh, ceud-thoraidh do shaoithreach, a chuir thu ’san fhearann: agus féisd a’ chruinneachaidh (1) aig deireadh na bliadhna, ’nuair a chruinnicheas tu stigh toradh do shaoithreach as an fhearann. 17 Tri uairean ’sa’ bhliadhna nochdar gach firionn agad ’an làthair an Tighearna Dé. 18 Cha d’thoir thu seachad (2) fuil m’ ìobairt-sa le h-aran goirtichte, ni mò dh’fhanas (3) saill m’ ìobairt gu madainn. 19 Toiseach ceud-thoraidh d’fhearainn bheir thu do thigh an Tighearna do Dhé. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar. 20 Feuch, cuiridh mis’ aingeal romhad, gu d’ choimhead ’san t-slighe, agus gu d’ thabhairt a steach do’n àit’ a dh’ulluich mi. 21 Bi faicilleach (4) ’na làthair, agus éisd r’a ghuth; na cuir ’na aghaidh (5): oir cha lagh e bhur cionta; oir a ta m’ainm annsan. 22 Ach ma dh’éisdeas tu da rìreadh r’a ghuth, agus ma ni thu gach ni a labhras mise, ’an sin bithidh mi a’m’ nàmhaid do d’ namhaid-sa (6), agus claoidhidh mi iadsan a chlaoidheas thu: 23 Oir théid m’ aingeal romhad, agus bheir e steach thu chum nan Amorach, agus nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus nan Canaanach, nan Hibheach agus nan Iebusach; agus gearraidh mi as iad. 24 Cha chrom thu thu féin sìos d’an déibh, agus cha dean thu seirbhis doibh, ni mò a ni thu a réir an oibre: ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan ’nam bloighdibh. 25 Agus ni sibh seirbhis do’n Tighearna bhur Dia, agus beannaichidh esan t’aran, agus t’uisge, agus cuiridh mi euslaint air falbh o’r measg. 26 Cha tilg ni sam bith àl, ni mò a bhios e seasg a’d’ thìr: àireamh do làithean coi’-lionaidh mise. 27 Cuiridh mi m’ eagal romhad, agus sgriosaidh mi an sluagh uile dh’ionnsuidh an d’théid thu, agus bheir mi air do naimhdibh gu léir an cùl a thionndadh riut. 28 Agus cuiridh mise cearnabhain (7) romhad, agus fògraidh iad a mach an t-Hibheach, an Canaanach, agus an t-Hiteach, as do lathair. 29 Cha tilg mi mach iad as do làthair ann an aon bhliadhna, an t-eagal gu’m bi ’m fearann air fhàsachadh, agus gu’m fàs fiadh-bheathaiche na machrach lìonmhor a’d’ aghaidh. 30 A lìon beag is beag (8) tilgidh mi mach iad as do làthair, gus an sìolaich thu, agus gu’n sealbhaich thu am fearann. 31 Agus suidhichidh mi do chrìochan o’n mhuir ruaidh eadhon gu nuig fairge nam Phili- (1) an tarraigh, a’ chròdhaidh. (2) cha tairg thu. (3) dh’fhàgar. (4) Thoir an aire dhuit féin. (5) na brosnuich e, na cuir corruich air. (6) bithidh mi m’eascaraid do d’ eas-cairdibh. (7) conuichean, beachan-each mòra; hornets. Sasg. (8) A’ chuid, a’ chuid; a’ bheagan, a’ bheagan. [TD 137] ECSODUS. CAIB. XXIV. steach (1), agus o’n fhàsach gu nuig an abhainn (2): oir bheir mi thairis ’nar làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu mach iad as do làthair. 32 Cha dean thu riu-san, no r’an déibh coi’-cheangal ’sam bith. 33 Cha ghabh iad còmhnuidh a’d’ thìr, an t-eagal gu’n d’thoir iad ort peacachadh a’m’ aghaidh-sa le seirbhis a dheanamh d’an déibh; agus gu’m bi sin ’na ribe dhuit. CAIB. XXIV. AGUS thubhairt e re Maois, Thig a nìos a dh’ionnsuidh an Tighearna, thu féin agus Aaron, Nadab agus Abihu, agus tri fichead ’s a deich do sheanairibh Israeil: agus ni sibh aoradh fad’ o làimh (3). 2 Agus thig Maois ’na aonar am fagus do’n Tighearn, ach cha d’ thig iadsan am fagus, ni mò théid an sluagh suas maille ris. 3 Agus thàinig Maois agus dh’innis e do’n t-sluagh briathran an Tighearn uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu léir le h-aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach ni a labhair an Tighearna, ni sinne. 4 Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearn uile, agus dh’éirich e gu moch ’sa’ mhadainn, agus thog e altair fuidh ’n t-sliabh, agus dà charragh (4) dheug a réir dhà thréibh dheug Israeil. 5 Agus chuir e uaith òganaich do chloinn Israeil, agus thug iad suas tabhartais-loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairte-sìth do dhaimh do’n Tighearna. 6 Agus ghabh Maois leth na fola, agus chuir e ann an cuachaibh i; agus leth na fola chrath e air an altair. 7 Agus ghabh e leabhar a’ choi’-cheangail, agus leugh e ann an éisdeachd an t-sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach ni a labhair an Tighearna, ni sinne, agus bheir sinn géill. 8 Agus ghabh Maois an fhuil, agus chrath e i air an t-sluagh, agus thubhairt e, Feuch, fuil a’ choi’-cheangail a rinn an Tighearna ribh a thaobh nam briathra sin uile. 9 Agus chaidh Maois suas agus Aaron, Nadab agus Abihu, agus tri fichead ’s a deich do sheanairibh Israeil. 10 Agus chunnaic iad Dia Israeil: agus fuidh chosaibh bha mar gu’m biodh obair (5) do chloich shaphir, agus mar na nèamha féin (6) ann an soillse. 11 Agus air maithibh (7) chloinn Israeil cha do chuir e a làmh: agus chunnaic iad Dia, agus dh’ith iad agus dh’òl iad. 12 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Thig a nìos a’ m’ ionnsuidh-sa do’n t-sliabh, agus bi ’n sin: agus bheir mise dhuit clàir chloiche, agus lagh, agus na h-àitheantan a sgrìobh mi, chum iadsan a theagasg. 13 Agus dh’éirich Maois suas, agus Iosua òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhé. 14 Agus thubhairt e ris na seanairibh, Fanaibh-sa ruinn ’an so gus am pill sinn d’ar n-ionn- (1) Philistineach. (2) Euphrates. (3) fad’ as. (4) stac. (5) obair làir, obair shnaidhte. (6) mar chorp nan nèamh. Eabh. (7) air uaislibh, daoine mòra. [TD 138] ECSODUS. CAIB. XXV. suidh: Agus feuch, a ta Aaron agus Hur maille ribh: esan aig am bi cùis ’sam bith, thigeadh e d’an ionnsuidhsan. 15 Agus chaidh Maois suas do’n t-sliabh, agus chòmhdaich neul an sliabh. 16 Agus chòmhnuich glòir an Tighearn (1) air sliabh Shinai, agus chòmhdaich an neul e sè laithean: Agus dh’éigh e re Maois air an t-seachdamh là a meadhon an neoil. 17 Agus bha foillseachadh (2) glòir an Tighearna mar theine dian-loisgeach air mullach an t-sléibh ann an sùilibh chloinn Israeil. 18 Agus chaidh Maois a steach ’am meadhon an neoil, agus chaidh e suas do’n t-sliabh: agus bha Maois ’san t-sliabh dà fhichead là agus dà fhichead oidhche. CAIB. XXV. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, gu’n d’ thoir iad a’m’ ionnsuidh tabhartas: o gach duine a bheir seachad gu toileach e le chridhe, gabhaidh sibh mo thabhartas. 3 Agus is e so an tabhartas a ghabhas sibh uatha; òr, agus airgiod, agus ùmha (3). 4 Agus gorm, agus corcur (4), agus scarlaid, agus anart (5) grinn, agus fionnadh ghabhar, 5 Agus croicinne reitheachan air an dath dearg, agus croicinne bhroc, agus fiodh sitim, 6 Ola chum soluis, spìosraidh chum ola-ungaidh, agus a chum tùise deadh-bholaidh, 7 Clachan onics, agus clachan re’n cur anns an ephod, agus ’san uchd-éididh. 8 Agus ni iad dhomh ionad-naomha, agus gabhaidh mise còmhnuidh ’nam measg. 9 A réir gach ni a leigeas mise dhuit fhaicinn, a réir samhlaidh (6) a’ phàilliuin, agus samhlaidh airneis uile, eadhon mar sin ni sibh. 10 Agus ni iad àirc (7) do fhiodh sitim: dà làmh-choille gu leth (8) a fad, agus làmh-choille gu leth a leud, agus làmh-choille gu leth a h-airde. 11 Agus còmhdaichidh tu thairis i le h-òr fìor-ghlan, a stigh agus a muigh còmhdaichidh tu thairis i; agus ni thu oirre coron (9) òir m’an cuairt. 12 Agus ni (10) thu air a son ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu iad air a ceithir oisinnibh; agus bithidh dà fhailbheig air aon taobh dh’i, agus dà fhailbheig air an taobh eile dh’i. 13 Agus ni thu bataichean (11) do fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le h-òr. 14 Agus cuiridh tu na bataichean anns na failbheagaibh air taobhan na h-àirce, chum an àirc a ghiùlan leo. 15 Ann am failbheagaibh na h-àirce bithidh na bataichean: cha ghluaisear uaithe (12) iad. 16 Agus cuiridh tu ’san àirc an fhianuis (13) a bheir mise dhuit. 17 Agus ni thu cathair-thròcair (14) a dh’òr fìor-ghlan; dà (1) ghabh glòir an Tighearna còmhnuidh. (2) sealladh, cosamhlachd. (3) unga, prais. (4) purpur. (5) lìon-eudach. (6) deilbh, cumaidh, saimpleir, coslais. (7) cobhan, ciste. (8) dà làmh-choille agus leth làmh-choille. (9) crùn, fleasg. (10) tilgidh, leaghaidh. (11) lunnan, maidean. (12) uaipe. (13) an teisteas. (14) uachdar, còmhdach na h-àirce; suidhe-tròcair. [TD 139] ECSODUS. CAIB. XXV. làmh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud. 18 Agus ni thu dà cherub òir: a dh’obair bhuailte ni thu iad aig dà cheann na cathair-thròcair. 19 Agus ni thu aon cherub aig aon cheann, agus cerub eile aig a’ cheann eile do’n chathair-thròcair: ni sibh na ceruban aig a dà cheann. 20 Agus bithidh na ceruban a’ sìneadh a mach an sgiath gu h-àrd, a’ còmhdachadh na cathair-thròcair le’n sgiathaibh, agus an aghaidhean (1) r’a chéile: re cathair-na-tròcair bithidh aghaidhean nan cerub. 21 Agus cuiridh tu a’ chathair-thròcair suas air an àirc, agus anns an àirc cuiridh tu an fhianuis a bheir mise dhuit. 22 Agus coinnichidh mise thu ’n sin, agus labhraidh mi riut o uachdar na cathair-thròcair, o eadar an dà cherub a ta air àirc na fianuis, a thaobh gach ni a dh’àithneas mi dhuit do chloinn Israeil. 23 Agus ni thu bòrd do fhiodh sitim; dà làmh-choille fhad, agus làmh-choille a leud, agus làmh-choille gu leth àirde. 24 Agus còmhdaichidh tu thairis e le h-òr fìor-ghlan, agus ni thu dha coron òir m’an cuairt. 25 Agus ni thu dha iomall (2) do leud boise m’an cuairt, agus ni thu coron òir d’a iomall m’an cuairt. 26 Agus ni thu dha ceithir failbheagan òir, agus cuiridh tu na failbheagan air na ceithir oisinnibh a ta aig a cheithir chosaibh. 27 Fa chomhair an iomaill bithidh na failbheagan, chum àitean do na bataichibh, gus am bòrd a ghiùlan. 28 Agus ni thu na bataichean do fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le h-òr, agus giùlainear am bòrd leo. 29 Agus ni thu a mhiasan (3), agus a thùiseirean (4), agus a chuachan (5), agus a chopain, leis an d’thoirear seachad (6) ìobairt-dibhe; a dh’òr fìor-ghlan ni thu iad. 30 Agus cuiridh tu air a’ bhord aran taisbeanta romhams’ ’an còmhnuidh: 31 Agus ni thu coinnleir a dh’òr fìor-ghlan: a dh’obair bhuailte te nithear an coinnleir. Bithidh a chos, agus a mheoir (7), a chopain, a chnapan (8), agus a bhlàtha, do’n obair cheudna. 32 Agus thig sè meoir a mach as a thaobhan; tri meoir a’ choinnleir a h-aon taobh dheth, agus tri meoir a’ choinnleir as an taobh eile dheth: 33 Tri copain air an deanamh cosmhuil re almonaibh ann an aon mheur, maille re cnap agus blàth; agus tri copain air an deanamh cosmhuil re almonaibh anns a’ mheur eile, maille re cnap agus blàth: mar sin anns na sè meoir a thig a mach as a’ choinnleir. 34 Agus anns a’ choinnleir bithidh ceithir copain air an deanamh cosmhuil re almonaibh, maille re ’n cnapaibh agus am blàthaibh. 35 Agus bithidh cnap fuidh dhà mheur dheth, agus cnap (1) an eudanan. (2) imeall, foir. (3) shoithichean. (4) liaghan, ladair, spàinean. (5) a sgàlan. (6) an taomar a mach; an còmhdaichear. (7) a mheanglain. (8) a mhill. [TD 140] ECSODUS. CAIB. XXVI. fuidh dhà mheur dheth, agus cnap fuidh dhà mheur dheth; mar sin do na sè meoir a thig a mach as a’ choinnleir. 36 Bithidh an cnaip agus am meoir do’n obair cheudna: bithidh e uile ’na aon obair bhuailte do òr fìor-ghlan. 37 Agus ni thu dha seachd lòchrain: agus cuirear suas (1) a lòchrain, a chum gu’n d’thoir iad solus thall fa chomhair. 38 Agus bithidh a chlobhachan, agus a smàl-shoithichean a dh’òr fìor-ghlan. 39 Do thalann a dh’òr fìor-ghlan nithear e, maille ris na soithichibh sin uile. 40 Agus feuch gu’n dean thu iad a réir an t-samhlaidh, a chaidh leigeadh dhuit fhaicinn ’san t-sliabh. CAIB. XXVI. AGUS ni thu ’m pàilliun le deich cùirteinibh a dh’anart grinn toinnte, agus do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlait; maille re cerubaibh a dh’obair ealanta (2) ni thu iad: 2 Fad aon chùirtein ochd làmha-coille thar fhichead, agus leud aon chùirtein, ceithir làmha-coille: an t-aon tomhas do na cùirteinibh uile. 3 Bithidh cùig cùirteinean air an ceangal gach aon r’a chéile; agus na cùig cùirteinean eile air an ceangal gach aon r’a chéile. 4 Agus ni thu lùban do ghorm air foir aon chùirtein, o’n iomall anns a’ choi’-cheangal: agus air a’ mhodh cheudna ni thu ’am foir a’ chùirtein a’s fhaid’ a mach, ann an coi’-cheangal an dara h-aon. 5 Leth-cheud lùb ni thu ann an aon chùirtein, agus leth-cheud lùb ni thu ’am foir a’ chùirtein a ta ann an coi’-cheangal an dara h-aon; a chum’s gu’n gabh na lùban greim d’a chéile. 6 Agus ni thu leth-cheud cromag (3) òir, agus ceanglaidh tu na cùirteinean r’a chéile leis na cromagaibh: agus bithidh e ’na aon phàilliun. 7 Agus ni thu cùirteine do fhionna ghabhar gu bhi ’nan còmhdach air a’ phàilliun: aon chùirtein deug ni thu dhiubh. 8 Fad aon chùirtein deich làmha-coille thar fhichead, agus leud aon chùirtein ceithir làmha-collie: bithidh an t-aon chùirtein deug uile dh’aon tomhas. 9 Agus cuiridh tu re chéile cùig cùirteine leo féin, agus sè cùirteine leo féin, agus dùblaichidh tu ’n seathadh cùirtein air taobh beoil a’ bhùtha. 10 Agus ni thu leth-cheud lùb air foir an aon chùirtein a’s fhaid’ a mach ’fa’ choi’-cheangal, agus leth-cheud lùb air foir a’ chùirtein a tha coi’-cheangal an dara h-aon. 11 Agus ni thu leth-cheud cromag a dh’ùmha, agus cuiridh tu na cromagan anns na lùbaibh, agus cuiridh tu ’m bùth re chéile, air chor as gu’m bi e ’na aon. 12 Agus am fuigheall a dh’fhàgar do chùirteinibh a’ bhùtha, leth a’ chùirtein a dh’fhàgar, crochar e thar taoibh cùil a’ phàilliuin. 13 Agus làmh-choille air an taobh so, agus làmh-choille air an taobh eile do na dh’fhàgadh air am fad do chùirteinibh a’ bhùtha, crochar e thar taobhan (1) lasar. (2) innleachdaich. (3) clasp. [TD 141] ECSODUS. CAIB. XXVI. a’ phàilliuin, air an taobh so, agus air an taobh eile, g’a chòmhdachadh. 14 Agus ni thu còmhdach air son a’ bhùtha do chroicnibh (1) reitheachan air an dath’ dearg, agus còmhdach do chroicnibh bhroc os a cheann. 15 Agus ni thu buird air son a’ phàilliuin do fhiodh sitim, ’nan seasamh: 16 Deich làmha-coille fad buird, agus làmh-choille gu leth leud aon bhuird. 17 Bithidh dà làimh aig aon bhord, air an cur ’an ordugh fa chomhair a’ chéile; mar so ni thu do uile bhordaibh a’ phàilliuin. 18 Agus ni thu na buird air son a’ phàilliuin, fichead bord air an taobh deas, ris an airde deas. 19 Agus ni thu dà fhichead cas (2) airgid, fuidh ’n fhichead bord: dà chois fuidh aon bhord a réir a dhà làimh, agus dà chois fuidh bhord eile a réir a dhà làimh. 20 Agus air son an dara taoibh do’n phàilliun air an taobh tuath, fichead bord; 21 Agus an dà fhichead cas a dh’airgiod, dà chois fuidh aon bhord, agus dà chois fuidh bhord eile. 22 Agus air son thaobh a’ phàilliuin air an làimh an iar, ni thu sè buird. 23 Agus dà bhord ni thu air son oisinnean a’ phàilliuin ’san dà thaobh. 24 Agus bithidh iad air an coi’-cheangal fuidhe, agus mar an ceudna bithidh iad air an coi’-cheangal os a cheann re aon fhailbheig; mar so nithear dhoibh le chéile; bithidh iad air son an dà oisinn. 25 Agus bithidh ochd buird ann, agus an casan a dh’airgiod, sè casa deug; dà chois fuidh aon bhord, agus dà chois fuidh bhord eile. 26 Agus ni thu croinn do fhiodh sitim; cùig air son nam bord air aon taobh do’n phàilliun. 27 Agus cùig croinn air son nam bord air an taobh eile do’n phàilliun, agus cùig croinn air son bhord taoibh a’ phàilliuin air son an dà thaobh an iar. 28 Agus ruigidh an crann meadhonach ann am meadhon nam bord o cheann gu ceann. 29 Agus còmhdaichidh tu thairis (3) na buird le h-òr, agus ni thu ’m failbheagan a dh’òr mar àiteachan do na crannaibh: agus còmhdaichidh tu thairis na croinn le h-òr. 30 Agus togaidh tu suas am pàilliun a réir a shamhlaidh (4), a nochdadh dhuit ’san t-sliabh. 31 Agus ni thu brat do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus a dh’anart grinn (5) toinnte: a dh’obair ealanta nìthear e, le cerubaibh. 32 Agus crochaidh tu e air ceithir postaibh do fhiodh sitim, air an còmhdachadh thairis le h-òr: agus bithidh an cromagan a dh’òr; air na ceithir bonnaibh (6) airgid. 3 Agus crochaidh tu suas am brat fuidh na cromagaibh, agus bheir thu steach ann an sin àirc na fianuis, an taobh a stigh do’n bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhsan eadar an t-ionad (1) chraicnibh. (2) bonn, pulag, socait. (3) cuiridh tu thairis. (4) a chumachd. (5) caol, mìn, fìnealta. (6) bunaitibh. [TD 142] ECSODUS. CAIB. XXVII. naomha agus an t-ionad ro-naomha. 34 Agus cuiridh tu cathair-na-tròcair air àirc na fianuis, ’san ionad ro-naomha. 35 Agus cuiridh tu ’m bord an leth muigh do’n bhrat, agus an coinnleir fa chomhair a’ bhuird air taobh deas a’ phàilliuin: agus cuiridh tu ’m bord air an taobh tuath. 36 Agus ni thu còmhdach (1) air son doruis a’ bhùtha, do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart grinn toinnte, oibrichte le h-obair gréis (2). 37 Agus ni thu air son a’ chòmhdaich cùig postan (3) do fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le h-òr, agus bithidh an cromagan a dh’òr, agus tilgidh tu air an son cùig buinn ùmha (4). CAIB. XXVII. AGUS ni thu altair do fhiodh sitim; cùig làmha-coille air fad, agus cùig làmha-coille air leud: bithidh an altair ceithir-chearnach, agus a h-airde tri làmha-coille. 2 Agus ni thu a h-adhaircean (5) air a ceithir oisinnibh: bithidh a h-adhaircean do’n ni cheudna: agus còmhdaichidh tu thairis i le h-ùmha. 3 Agus ni thu a h-aigheannan a ghabhail a luaithe, agus a sluasaidean, agus a cuachan (6), agus a greimichean, agus a h-aigheannan-teine: a soithichean uile ni thu a dh’ùmha. 4 Agus ni thu dh’i cliath do lìon-obair ùmha: agus ni thu air an lìon ceithir failbheagan ùmha air a cheithir oisinnibh. 5 Agus cuiridh tu e fuidh chuairt na h-altarach gu h-ìosal, agus bithidh an lìon gu nuig meadhon na h-altarach. 6 Agus ni thu bataichean (7) do’n altair, bataichean do fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le h-ùmha. 7 Agus cuirear na bataichean anns na failbheagaibh, agus bithidh na bataichean air dà thaobh na h-altarach g’a giùlan. 8 Fàs le bordaibh ni thu i; mar a nochdadh dhuit ’san t-sliabh, mar sin nìthear i. 9 Agus ni thu cùirt a phàilliuin air an taobh deas, re deas: bithidh cùirteinean air son na cùirte do anart grinn toinnte; ceud làmh-choille am fad, air aon taobh. 10 Agus bithidh a fichead post, agus am fichead bonn a dh’ùmha: bithidh cromagan nam post, agus an cuairteagan a dh’airgiod. 11 Agus mar an ceudna air an taobh tuath air fad, bithidh cùirteine ceud làmh-choille air fad, agus a fichead post, agus am fichead bonn a dh’ùmha: cromagan nam post, agus an cuairteagan, a dh’airgiod. 12 Agus air leud na cùirte air an taobh an iar, bithidh cùirteine do leth-cheud làmh-choille: am puist deich, agus am buinn deich. 13 Agus bithidh leud na cùirte air an taobh an ear, ris an aird an ear, leth-cheud làmh-choille. 14 Agus bithidh na cùirteine air aon taobh cùig làmha-coille (1) brat. (2) obair snàthaide. (3) trostain. (4) praise. (5) aoiricean. (6) soithichean-crathaidh. (7) lunnan. [TD 143] ECSODUS. CAIB. XXVIII. deug: am puist tri, agus am buinn tri. 15 Agus air an taobh eile bithidh a cùirteine cùig làmha-coille deug: am puist tri, agus am buinn tri. 16 Agus air son geataidh na cùirte bithidh brat a dh’fhichead làmh-choille, do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus a dh’anart grinn toinnte, oibrichte le h-obair snàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir. 17 Bithidh na puist uile timchioll na cùirte air an ceangal m’an cuairt (1) le h-airgiod: bithidh an cromagan a dh’airgiod, agus am buinn a dh’ùmha: 18 Fad na cùirte ceud làmh-choille, agus a leud leth-cheud làmh-choille ’sgach àite, agus a h-airde cùig làmha-coille, a dh’anart grinn toinnte; agus am buinn a dh’ùmha. 19 Bithidh uile shoithichean a’ phàilliuin ’na sheirbhis uile, agus a phinneachan uile, agus pinneacha na cùirte uile do ùmha. 20 Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, gu’n d’thoir iad a t’ionnsuidh oladh fhìor-ghlan a’ chroinn-olaidh, brùite air son an t-soluis, a thoirt air an lòchran (2) lasadh ’an còmhnuidh. 21 Ann am bùth a’ choi’-thionail an taobh a muigh do’n bhrat, a ta fa chomhair na fianuis, orduichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn ’an làthair an Tighearna: bithidh e ’na reachd sìorruidh d’an ginealachaibh, a leth chloinn Israeil. CAIB. XXVIII. AGUS gabh a t’ ionnsuidh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a chum gu fritheil e dhomhsa ann an dreuchd an t-sagairt, eadhon Aaron, Nadab agus Abihu, Eleasar agus Itamar, mic Aaroin. 2 Agus ni thu éididh (3) naomha do d’ bhràthair Aaron, air son glòir, agus air son maise. 3 Agus labhraidh tu riu-san uile a ta glic ’an cridhe, a lìon mise le spiorad a’ ghliocais; agus ni iad éididh Aaroin, g’a choisrigeadh, a chum gu fritheil e dhomhs’ ann an dreuchd an t-sagairt. 4 Agus so an éididh a ni iad; uchd-éididh, agus ephod, agus falluing, agus còta iomadh-dathach (4), crùn-sagairt, agus crios: agus ni iad éididh naomha air son Aaroin do bhràthar, agus air son a mhac, a chum gu fritheil e dhomhs’ ann an dreuchd an t-sagairt. 5 Agus gabhaidh iad òr, agus gorm, agus corcur, agus scarlaid, agus anart grinn. 6 Agus ni iad an ephod do òr, do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart grinn toinnte, le h-obair ealanta. 7 Bithidh an dà mhìr-guailne (5) aice ceangailte r’a chéile aig a dà fhoir; agus mar sin cuirear re chéile i. 8 Agus bithidh crios rìomhach (6) na h-ephoid a ta air a (1) cuairtichte. (2) lampa. (3) eudaichean. (4) do obair gréis, rìomhach, ainneamh. (5) dà ghuailleachan, dà chlàr-guailne. (6) crios ainneamh; obair ealanta. Eabh. [TD 144] ECSODUS. CAIB. XXVIII. h-uachdar, a réir a h-oibre féin, do’n ni cheudna (1), eadhon do òr, do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart grinn toinnte. 9 Agus gabhaidh tu dà chloich onics, agus gearraidh tu orra ainmeanna chloinn Israeil. 10 Sè d’an ainmibh air aon chloich, agus sè ainmeanna chàich air a’ chloich eile (2), a réir an sinead (3). 11 Le h-obair gearradair ’an cloich (4), le gearradh seulaidh, gearraidh tu an dà chloich, le ainmibh chloinn Israeil: bheir thu fa’near an ceangal (5) ann am failibh òir (6). 12 Agus cuiridh tu an dà chloich air guailnibh na h-ephoid, mar chlocha cuimhneachain do chloinn Israeil. Agus giùlainidh Aaron an ainmean ann an làthair an Tighearn air a dhà ghualainn, mar chuimhneachan. 13 Agus ni thu failean òir; 14 Agus dà shlabhruidh a dh’òr fìor-ghlan aig na cinn: ni thu iad a dh’obair fhighte, agus ceanglaidh tu na slabhruidhean fighte ris na failean: 15 Agus ni thu uchd-éididh a’ bhreitheanais le h-obair ealanta; a réir oibre na h-ephoid ni thu i: do òr, do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart grinn toinnte ni thu i. 16 Ceithir-chearnach bithidh i, agus dà-fhillte (7); réis a fad, agus réis a leud. 17 Agus cuiridh tu innte suidheachadh chlach (8), eadhon ceithir sreathan (9) chlach; a’ cheud sreath, sardius, topas, agus carbuncul: so a’ cheud sreath. 18 Agus an dara sreath; emerald, saphir, agus daoimein (10). 19 Agus an treas sreath; ligur, agat, agus ametist. 20 Agus an ceathramh sreath; beril, agus onics, agus iasper: ceanglar iad le h-òr ’nan suidheachadh. 21 Agus bithidh na clochan le ainmibh chloinn Israeil, a dhà-dheug, a réir an ainmeanna; le gearradh seulaidh, bithidh gach aon aca le h-ainm féin a réir an dà thréibh dheug. 22 Agus ni thu air an uchd-éididh slabhruidhean aig na cinn, a dh’obair fhighte (11) dh’ òr fìor-ghlan. 23 Agus ni thu air an uchd-éididh dà fhàinne òir, agus cuiridh tu’n dà fhàinne air dà cheann na h-uchd-éididh. 24 Agus cuiridh tu ’n dà shlabhruidh fhighte òir ’san dà fhàinne, a ta air cinn na h-uchd-éididh. 25 Agus dà cheann eile na dà shlabhruidh fhighte daingnichidh tu anns an dà fhail, agus cuiridh tu iad air mìribh-guailne na h-ephoid air a beulaobh. 26 Agus ni thu dà fhàinne òir, agus cuiridh tu iad air dà cheann na h-uchd-éididh, ’san fhoir sin dith, a ta aig taobh na h-ephoid a stigh. 27 Agus ni thu dà fhàinne eile do òr, agus cuiridh tu iad air dà thaobh na h-ephoid, fuipe làimh r’a cuid-toisich, fa chomh- (1) do’n stubh cheudna. (2) air an darna cloich. (3) a réir am breith; a réir an ginealacha. Eabh. (4) clach-shnaidheadair. (5) an cur, an suidheachadh. (6) fàinnean, foirean òir. (7) air a dùblachadh. (8) àlach chloch. (9) sreudan. (10) diamond. Sasg. (11) thoinnte. [TD 145] ECSODUS. CAIB. XXVIII. air a coi’-cheangail eile, as cionn crios rìomhach na h-ephoid. 28 Agus ceanglaidh iad an uchd-éididh leis a fàinnibh, re fàinnibh na h-ephoid le h-éill (1) ghuirm, chum as gu’m bi i os cionn crios rìomhach na h-ephoid, agus nach fuasglar an uchd-éididh o’n ephoid. 29 Agus giùlainidh Aaron ainmeanna chloinn Israeil ann an uchd-éididh a’ bhreitheanais, air a chridhe, ’nuair a théid e steach do’n ionad naomha, mar chuimhneachan ann an làthair an Tighearn a ghnà. 30 Agus cuiridh tu ann an uchd-éididh a’ bhreitheanais, an Urim agus an Tummim; agus bithidh iad air cridhe Aaroin, an uair a théid e steach ’an làthair an Tighearna: agus giùlainidh Aaron breitheanas chloinn Israeil air a chridhe, ann an làthair an Tighearn ’an còmhnuidh. 31 Agus ni thu falluing na h-ephoid uile do ghorm. 32 Agus bithidh toll ’na mullach, ’na meadhon (2): bithidh foir (3) aice timchioll a tuill a dh’obair fhighte, mar tholl lùiriche-màillich, a chum as nach reubar i. 33 Agus gu h-iosal air a h-iomall ni thu pomgranata do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, air a h-iomall m’an cuairt; agus cluig òir eatorra m’an cuairt: 34 Clag òir agus pomgranat, clag òir agus pomgranat, air iomall na falluinge m’an cuairt. 35 Agus bithidh i air Aaron gu frithealadh: agus cluinnear a fuaim, an uair a théid e steach do’n ionad naomh ’an làthair an Tighearn, agus an uair a thig e mach; a chum nach bàsaich e. 36 Agus ni thu leachd (4) a dh’òr fìor-ghlan, agus gearraidh tu oirre, cosmhuil re gearradh seulaidh, NAOMACHD DO’N TIGHEARNA. 37 Agus cuiridh tu i air éill ghuirm, agus bithidh i air a’ chrùn-sagairt: air taobh beoil a’ chrùin-sagairt bithidh i. 38 Agus bithidh i air clàr eudain Aaroin, agus giùlainidh Aaron cionta nan nithe naomha, a choisrigeas clann Israeil ’nan tiodhlacaibh naomha uile: agus bithidh i air clàr eudain ’an còmhnuidh, a chum as gu’m bi iad taitneach ’an làthair an Tighearna. 39 Agus ni thu ’n còta le h-obair gréis a dh’anart grinn, agus ni thu ’n crùn-sagairt a dh’anart grinn, agus ni thu ’n crios a dh’obair snàthaide. 40 Agus do mhic Aaroin ni thu còtaichean, agus ni thu dhoibh criosan, agus boineidean ni thu dhoibh, air son glòir agus air son maise. 41 Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhomhs’ ann an dreuchd an t-sagairt. 42 Agus ni thu dhoibh briogais anairt a dh’fholach’ an nochd (5): o’n leasruidh eadhon gus an sléisdean ruigidh iad. 43 Agus bithidh iad air Aaron, agus air a mhic, an uair (1) cordail; lace. Sasg. (2) toll a mullaich ’na meadhon. (3) oir. (4) clàr, bonn; blàth. Eabh. (5) an lomnochduidh. [TD 146] ECSODUS. CAIB. XXIX. a thig iad a stigh do phàilliun a’ choi’-thionail, no ’nuair a thig iad am fagus do’n altair, a fhrithealadh ’san ionad naomha; chum as nach giùlain iad aingidheachd, agus nach faigh iad bàs: bithidh e ’na reachd sìorruidh dha féin, agus d’a shliochd ’na dhéigh. CAIB. XXIX. AGUS so an ni a ni thu riu chum an coisrigeadh, gu frithealadh dhomhs’ ann an dreuchd an t-sagairt: Gabh aon tarbh òg, agus dà reithe gun ghaoid (1), 2 Agus aran neo-ghoirtichte, agus breacagan neo-ghoirtichte coi’-measgta le h-oladh, agus gearragan (2) neo-ghoirtichte, ungta le h-ola: do phlùr (3) a’ chruithneachd ni thu iad. 3 Agus cuiridh tu iad ann an aon bhascaid, agus bheir thu iad leat ’sa’ bhascaid, maille ris an tarbh òg agus an dà reithe. 4 Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail, agus ionnailidh (4) tu iad le h-uisge. 5 Agus gabhaidh tu an éididh, agus cuiridh tu ’n còta air Aaron, agus falluing na h-ephoid, agus an ephod, agus an uchd-éididh, agus criosraichidh tu e le crios rìomhach na h-ephoid. 6 Agus cuiridh tu ’n crùn-sagairt air a cheann, agus an crùn naomh air a’ chrùn-sagairt. 7 Agus gabhaidh tu ’n oladh-ungaidh, agus dòirtidh tu air a cheann i, agus ungaidh tu e. 8 Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra. 9 Agus criosraichidh tu iad le criosaibh (Aaron agus a mhic) agus cuiridh tu na boineidean orra: agus is leosan dreuchd an t-sagairt le reachd bith-bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic. 10 Agus bheir thu fa’near an tarbh a thoirt gu beulaobh pàilliuin a’ choi’-thionail: agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh. 11 Agus marbhaidh tu ’n tarbh ’an làthair an Tighearna, làimh re dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 12 Agus gabhaidh tu do fhuil an tairbh, agus cuiridh tu i air adhaircibh na h-altarach le d’ mheur, agus dòirtidh tu ’n fhuil uile aig bun na h-altarach. 13 Agus gabhaidh tu ’n t-saill uile ta còmhdachadh a’ mhionaich, agus an scairt a ta os cionn nan àinean (5), agus an dà àra (6), agus an t-saill a ta orra, agus loisgidh tu iad air an altair. 14 Ach feoil an tairbh agus a sheiche (7), agus aolach loisgidh tu le teine ’n taobh a muigh do’n champa: is tabhartas-peacaidh e. 15 Gabhaidh tu mar an ceudna aon reithe, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe. 16 Agus marbhaidh tu ’n reithe, agus gabhaidh tu fhuil, agus crathaidh tu i m’an cuairt air an altair. 17 Agus gearraidh tu ’n reithe ’na mhìribh, agus nighidh tu (1) gun ghò, gun aineamh. (2) abhlain; wafers. Sasg. (3) mhin. (4) nighidh. (5) àe, grùan. (6) àrainn. (7) a sheice. [TD 147] ECSODUS. CAIB. XXIX. mhionach, agus a chasan, agus cuiridh tu iad air a mhìribh, agus air a cheann. 18 Agus loisgidh tu ’n reithe uile air an altair: is tabhartas-loisgte e do’n Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas e air a thoirt suas le teine do’n Tighearna. 19 Agus gabhaidh tu ’n reithe eile, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe. 20 ’An sin marbhaidh tu ’n reithe, agus gabhaidh tu d’a fhuil, agus cuiridh tu i air bàrr cluaise deis Aaroin, agus air bàrr cluaise deis a mhac, agus air ordaig (1) an làimhe deise, agus air ordaig an coise deise; agus crathaidh tu ’n fhuil air an altair m’an cuairt. 21 Agus gabhaidh tu do’n fhuil a ta air an altair, agus do’n oladh-ungaidh, agus crathaidh tu iad air Aaron, agus air éididh, agus air a mhic, agus air éididh a mhac maille ris: agus coisrigear e féin, agus éididh, agus a mhic, agus éididh a mhac maille ris. 22 Mar an ceudna gabhaidh tu do’n reithe an t-saill agus bun an earbuill, agus an t-saill a ta còmhdachadh a’ mhionaich, agus scairt nan àinean, agus an dà àra, agus an t-saill a ta orra, agus an slinnean deas; oir is reithe coisrigidh e. 23 Agus aon bhuilionn (2) arain, agus aon bhreacag arain le h-ola, agus aon ghearrag a bascaid an arain neo-ghoirtichte a ta ’n làthair an Tighearna. 24 Agus cuiridh tu iad uile ann an làmhan Aaroin, agus ann an làmhan a mhac; agus luaisgidh tu (3) iad mar thabhartas-luaisgte ’an làthair an Tighearna. 25 Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas-loisgte, chum fàile cùbhraidh ’an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine do’n Tighearna. 26 Agus gabhaidh tu ’n t-uchd o reithe coisrigidh Aaroin, agus luaisgidh tu e mar thabhartas-luaisgte ’an làthair an Tighearna: agus bithidh sin agadsa mar chuibhrionn. 27 Agus naomhaichidh tu uchd an tabhartais-luaisgte, agus slinnean an tabhartais-thogta, a chaidh luasgadh, agus a thogail suas do reithe a’ choisrigidh, eadhon do’n ni sin a’s le h-Aaron, agus do’n ni sin a bhuineas d’a mhic. 28 Agus bithidh e le h-Aaron (4) agus le mhic le reachd bith-bhuan, o chloinn Israeil; oir is tabhartas-togta e: agus bithidh e ’na thabhartas-togta o chloinn Israeil do ìobairtibh an tabhartasan-sìth, eadhon an tabhartas-togta do’n Tighearna. 29 Agus is le mic Aaroin éididh naomha-san ’na dhéigh, gu bhi air an ungadh innte, agus gu bhi air an coisrigeadh innte. 30 Seachd laithean cuiridh esan d’a mhic air i, a bhios ’na shagart ’na àite, a théid a stigh do phàilliun a’ choi’-thionail, a fhrithealadh ’san ionad naomha. 31 Agus gabhaidh tu reithe a’ choisrigidh, agus bruichidh tu fheoil ’san ionad naomha. (1) ardoig. (2) mhuilionn. (3) crathaidh tu a nunn agus anall. (4) buinidh e dh’Aaron. [TD 148] ECSODUS. CAIB. XXX. 32 Agus ithidh Aaron agus a mhic feoil an reithe, agus an t-aran a ta ’sa’ bhascaid, aig dorus pàilliuin choi’-thionail. 33 Agus ithidh iad na nithe sin leis an d’rinneadh an réite (1), chum an coisrigeadh agus an naomhachadh: ach cha ’n ith coigreach dhiubh, do bhrì’ gu bheil iad naomha. 34 Agus ma dh’fhàgar a’ bheag a dh’fheoil a’ choisrigidh, no bheag do’n aran, gus a’ mhadainn; ’an sin loisgidh tu ’m fuigheall (2) le teine: cha ’n ithear e, do bhrì’ gu bheil e naomha. 35 Agus ni thu mar so re h-Aaron, agus r’a mhic, a réir nan uile nithe a dh’àithn mise dhuit: seachd laithean coisrigidh tu iad. 36 Agus bheir thu seachad gach là tarbh òg mar thabhartas-peacaidh, chum réite (3): agus glanaidh tu ’n altair an uair a ni thu réite air a son, agus ungaidh tu i chum a naomhachadh. 37 Seachd laithean ni thu réite air son na h-altarach, agus naomhaichidh tu i; agus bithidh i ’na h-altair ro-naomha: gach ni a bheanas ris an altair, naomhaichear e. 38 Agus so an ni a bheir thu seachad air an altair; dà uan a dh’aois bliadhna, o là gu là ’an còmhnuidh. 39 Aon uan bheir thu seachad ’sa’ mhadainn; agus an t-uan eile bheir thu seachad mu fheasgar. 40 Agus maille ris an aon uan an deicheamh cuid do phlùr mìn (4) measgta leis a’ cheathramh cuid do hin a dh’ola bhrùite; agus an ceathramh cuid do hin a dh’fhìon, mar thabhartas-dibhe. 41 Agus an t-uan eile bheir thu seachad mu fheasgar, agus ni thu ris a réir tabhartais-bidhe na maidne, agus a réir a tabhartais-dibhe, mar fhàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine do’n Tighearna. 42 Bithidh so ’na thabhartas-loisgte bith-bhuan (5) air feadh bhur ginealacha, aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail ’an lathair an Tighearna, far an coinnich mise sibh, a labhairt riut-sa ’n sin. 43 Agus ’an sin coinnichidh mise clann Israeil, agus naomhaichear am pàilliun le m’ ghlòir. 44 Agus naomhaichidh mi pàilliun a’ choi’-thionail, agus an altair: naomhaichidh mi mar an ceudna Aaron agus a mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd an t-sagairt. 45 Agus gabhaidh mi còmhnuidh ’am measg chloinn Israeil, agus bithidh mi’m Dhia aca. 46 Agus bithidh fios aca gur mise an Tighearn an Dia, a thug a mach iad a talamh na h-Eiphit, a chum ’s gu’n gabh mi còmhnuidh ’nam measg: Is mise an Tighearn an Dia. CAIB. XXX. AGUS ni thu altair a losgadh tùis oirre; do fhiodh sitim ni thu i: 2 Làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (ceithir-chearnach bithidh i) agus dà làmh-choille a h-airde: bithidh a h-adhaircean do’n ni cheudna. 3 Agus còmhdaichidh tu thai- (1) réidhte, sìth. (2) fuighleach. (3) gu sìothachadh. (4) do mhin mhìn a’ chruinneachd. (5) ’na gnà-ofrail loisgte. [TD 149] ECSODUS. CAIB. XXX. ris i le h-òr fìor-ghlan, a mullach, agus a taobhan (1) m’an cuairt, agus a h-adhaircean: agus ni thu dh’i coron òir m’an cuairt. 4 Agus dà fhailbheig òir ni thu dh’i fuidh a coron; aig a dà oisinn ni thu iad, air a dà thaobh: agus bithidh iad air son àiteachan do na bataibh chum a giùlan leo. 5 Agus ni thu na bataichean do fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le h-òr. 6 Agus cuiridh tu i fa chomhair an roinn-bhrat, a ta làimh re àirc na fianuis; air beulaobh cathair-na-tròcair, a ta os cionn na fianuis, far an coinnich mise thu. 7 Agus loisgidh Aaron tùis chùbhraidh oirre gach madainn; an uair a dheasaicheas e na lòchrain, loisgidh e tùis oirre. 8 Agus an uair a lasas Aaron na lòchrain mu fheasgar, loisgidh e tùis oirre; tùis bhith-bhuan ’an làthair an Tighearn, air feadh bhur ginealacha. 9 Cha loisg sibh tùis choimheach sam bith oirre, no ìobairt-loisgte, no tabhartas-bidhe; ni mò dhòirteas sibh tabhartas-dibhe oirre. 10 Agus ni Aaron réite air h-adhaircibh aon uair ’sa’ bhliadhna le fuil ìobairt-pheacaidh na réite: aon uair ’sa’ bhliadhna ni e réite oirre, air feadh bhur ginealacha: tha i ro-naomha do’n Tighearna. 11 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 12 ’Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a réir an àireimh; ’an sin bheir gach duine dhiubh éiric air son anma do’n Tighearna, ’nuair a dh’àirmheas tu iad; a chum nach bi plàigh ’nam measg, an uair a dh’àirmheas tu iad. 13 So bheir iad uatha, gach aon a théid seachad nam measg-san a dh’àirmhear; leth seceil a réir seceil an ionaid naomha (’s e secel fichead gerah) leth seceil mar thabhartas do’n Tighearna. 14 Bheir gach aon a théid seachad ’nam measg-san a dh’àirmhear, o fhichead bliadhn’ a dh’aois agus os a cheann, tabhartas do’n Tighearna. 15 Cha d’thoir an saibhir tuilleadh, agus cha d’thoir am bochd ni’s lugha na leth seceil, an uair a bheir iad tabhartas do’n Tighearn, a dheanamh réite air son bhur n-anmanna. 16 Agus gabhaidh tu airgiod na réite a chloinn Israeil, agus cuiridh tu air leth (2) e fa chomhair seirbhis pàilliuin a’ choi’-thionail; agus bithidh e ’na chuimhneachan do chloinn Israeil ’an làthair an Tighearn, a dheanamh réite air son bhur n-anmanna. 17 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 18 Ni thu mar an ceudna soitheach-ionnlaid a dh’ùmha, agus a chas a dh’ùmha, chum ionnlaid: agus cuiridh tu e eadar pàilliun a’ choi’-thionail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann. 19 Agus ionnailidh Aaron agus a mhic an làmhan as, agus an cosan. 20 ’Nuair a théid iad a steach do phàilliun a choi’-thionail, ionnailidh siad iad féin le h-uisge, chum as nach bàsaich iad: no (1) a h-uachdar agus a sliosan. (2) orduichidh tu, builichidh tu. [TD 150] ECSODUS. CAIB. XXXI. ’nuair a thig iad am fagus do’n altair a fhrithealadh, a losgadh tabhartais a bheirear suas le teine do’n Tighearna. 21 Agus ionnailidh iad an làmhan agus an cosan, a chum nach bàsaich iad: agus bithidh e ’na ordugh bith-bhuan dhoibh, eadhon dha féin agus d’a shliochd air feadh an ginealacha. 22 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 23 Gabh-sa dhuit féin mar an ceudna spìosraidh thaghta do mhirr fìor-ghlan, cùig ceud secel, agus do chanal cùbhraidh a leth uiread, eadhon dà cheud agus leth-cheud secel, agus do chalamus cùbhraidh dà cheud agus leth-cheud secel, 24 Agus do chasia cùig ceud secel a réir seceil an ionaid naomha, agus hin do oladh a’ chroinn-olaidh. 25 Agus ni thu dheth oladh-ungaidh naomha, oladh-ungaidh coi’-measgta réir ealadhain an léigh (1): bithidh i ’na h-oladh-ungaidh naomha. 26 Agus ungaidh tu pàilliun a’ choi’-thionail leatha, agus àirc na fianuis, 27 Agus am bord agus a shoithichean uile, agus an coinnleir agus a shoithichean, agus altair na tùise, 28 Agus altair na h-ìobairt-loisgte agus a soithichean uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas. 29 Agus naomhaichidh tu iad, a chum as gu’m bi iad ro-naomha: ge b’e ni a bheanas riu, bithidh e naomha. 30 Agus ungaidh tu Aaron agus a mhic, agus coisrigidh tu iad, gu frithealadh dhomhs’ ann an dreuchd an t-sagairt. 31 Agus labhraidh tu re cloinn Israeil, ag ràdh, Bithidh so ’na oladh-ungaidh naomha dhomhsa, air feadh bhur ginealacha. 32 Air feoil duine cha dòirtear i, ni mò a ni sibh a leithid a réir a measgaidh: a ta i naomha, agus naomha bithidh i dhuibh. 33 Ge b’e neach a mheasgas ni cosmhuil ria, agus ge b’e neach a chuireas a’ bheag dhith air coigreach, gu deimhin gearrar as e o shluagh. 34 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Gabh dhuit spìosraidh chùbhraidh, stacte, agus onicha, agus galbanum; spìosraidh chùbhraidh maille re tùis fhìor-ghloin: do gach aon diubh bithidh an t-aon tomhas. 35 Agus ni thu boltrachan deth, air a dheanamh suas a réir ealadhain an léigh, coi’-measgta, fìor-ghlan, naomha. 36 Agus bruthaidh tu cuid deth ro-mhìn, agus cuiridh tu cuid deth f’a chomhair na fianuis ann am pàilliun a’ choi’-thionail, far an coinnich mise thu: ro-naomha bithidh e dhuibh. 37 Agus am boltrachan a ni thu, cha dean sibh a leithid duibh féin a réir a mheasgaidh: bithidh e dhuitse naomha do’n Tighearna. 38 Ge b’e neach a ni a choslas, a ghabhail fàile uaith, gearrar as e o shluagh. CAIB. XXXI. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Feuch, ghairm mi air ainm, (1) seòltachd an lusragain. [TD 151] ECSODUS. CAIB. XXXII. Besaleel mac Uri, mhic Hur, do thréibh Iudaih; 3 Agus lìon mi e le spiorad Dhé, ann an gliocas, agus ann an tuigse, agus ann an eòlas, agus anns gach uile ghnè oibre, 4 A dhealbhadh (1) oibre ealanta, a dh’oibreachadh ann an òr, agus ann an airgiod, agus ann an ùmha, 5 Agus ann an gearradh chloch a chum an ceangal, agus ann an gearradh fiodha, a dh’oibreachadh anns gach uile ghnè oibre. 6 Agus mise, feuch, thug mi seachad maille ris Aholiab mac Ahisamaich do thréibh Dhan; agus ann an cridhe gach neach a ta glic-chridheach chuir mi gliocas, agus ni iad gach ni a dh’àithn mi dhuit: 7 Pàilliun a’ choi’-thionail, agus àirc na fianuis, agus cathair-na-tròcair a ta oirre, agus uile uidheam (2) a’ phàilliuin, 8 Agus am bord agus uidheam, agus an coinnleir fìor-ghlan le uidheam uile, agus altair na tùise, 9 Agus altair na h-ìobairt-loisgte le h-uidheam uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas, 10 Agus éididh (3) na seirbhis, agus éididh naomha air son Aaroin an t-sagairt, agus éididh a chuid mac, gu frithealadh ann an dreuchd an t-sagairt, 11 Agus an oladh-ungaidh, agus tùis chùbhraidh air son an ionaid naomha; a réir nan uile nithe dh’àithn mi dhuit, ni iad. 12 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 13 Labhair thusa mar an ceudna re cloinn Israeil, ag ràdh, Gu deimhin coimhididh (4) sibh mo shàbaidean-sa: oir is comhara sin eadar mise agus sibhse, air feadh bhur ginealacha; chum as gu’m bi fios agaibh gur mise an Tighearn, a naomhaicheas sibh. 14 Coimhididh sibh uime sin an t-sàbaid, oir a ta i naomha dhuibh. Esan a thruailleas (5) i, cuirear gu cinnteach gu bàs e; oir gach neach a ni obair oirre, gearrar an t-anam sin as o mheasg a shluaigh. 15 Sè laithean feudar obair a dheanamh, ach ’san t-seachdamh ta sàbaid fhois, naomha do’n Tighearna: gach neach a ni obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach gu bàs e. 16 Uime sin coimhididh clann Israeil an t-sàbaid, a ghleidheadh na sàbaid air feadh an ginealacha, mar choi’-cheangal (6) sìorruidh. 17 Eadar mise agus clann Israeil is comhar’ i a chaoidh’; oir ann an sè laithibh rinn an Tighearna na neamhan agus an talamh, agus air an t-seachdamh là sguir e, agus ghabh e fois. 18 Agus thug e do Mhaois, an uair a sguir e do labhairt ris air sliabh Shinai, dà chlàr na fianuis, clàir chloiche, sgrìobhta le meur Dhé. CAIB. XXXII. AGUS an uair a chunnaic an sluagh gu’n d’rinn Maois moille ann an teachd a nuas as an t-sliabh, chruinnich iad iad féin gu h-Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, (1) a thùr. (2) airneis. (3) eudach. (4) gleidhidh. (5) a mhi-naomhaicheas. (6) chunnradh, chùmhnant. [TD 152] ECSODUS. CAIB. XXXII. dean dhuinne dée a théid romhainn, oir a thaobh a’ Mhaois so, an duine a thug a nìos sinn a talamh na h-Eiphit, cha ’n’eil fhios againn ciod a thàinig air (1). 2 Agus thubhairt Aaron riu, Brisibh (2) dhibh na cluas-fhailean òir a ta ann an cluasaibh bhur ban, bhur mac, agus bhur nigheana, agus thugaibh a m’ ionnsuidhs’ iad. 3 Agus bhris an sluagh uile dhiubh na cluas-fhailean òir a bha ’nan cluasaibh, agus thug iad gu h-Aaron iad. 4 Agus ghabh e iad as an làimh; agus chum se e le inneal-gearraidh (3), ’an déigh dha laogh leaghta dheanamh dheth, agus thubhairt iad, Sin do dhée, o Israel, a thug a nìos thu a talamh na h-Eiphit. 5 Agus an uair a chunnaic Aaron e, thog e altair fa chomhair, agus thug Aaron gairm, agus thubhairt e, Is là féisd (4) am màireach do’n Tighearna. 6 Agus dh’éirich iad suas gu moch air an là màireach (5), agus thug iad suas tabhartais-loisgte, agus thug iad leo tabhartais-sìth: agus shuidh an sluagh sìos a dh’itheadh agus a dh’òl, agus dh’éirich iad suas gu sùgradh (6). 7 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Imich, falbh sìos; oir thruaill do shluagh, a thug thu mach a talamh na h-Eiphit, iad féin. 8 Chlaon iad gu grad o’n t-slighe a dh’àithn mise dhoibh: rinn iad dhoibh féin laogh leaghta; agus rinn iad aoradh dha, agus thug iad suas ìobairtean dha, agus thubhairt iad, Sin do dhée, o Israel, a thug a nìos a talamh na h-Eiphit. 9 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Chunnaic mis’ an sluagh so, agus feuch, is sluagh rag-mhuinealach (7) iad. 10 A nis uime sin leig leam, agus lasaidh mo chorruich ’nan aghaidh, agus claoidhidh mi iad: agus ni mi dhìotsa cinneach mòr. 11 Agus ghuidh Maois air an Tighearn a Dhia, agus thubhairt e, C’ar son, a Thighearn, a ta do chorruich a’ lasadh ’an aghaidh do shluaigh, a thug thu mach a talamh na h-Eiphit le cumhachd mòr, agus le làimh thréin? 12 C’ar son a labhradh na h-Eiphitich, ag ràdh, Le droch rùn thug e mach iad, a chum am marbhadh ’sna beanntaibh, agus an claoidh bhàrr aghaidh na talmhainn? Pill o d’ chorruich ghairg, agus gabh aithreachas do’n olc so ’an aghaidh do shluaigh. 13 Cuimhnich air Abraham, Isaac, agus Israel do sheirbhisich, d’an d’thug thu mionnan ort féin, agus r’an d’thubhairt thu, Ni mi bhur sliochd lìonmhor mar reulta néimh, agus am fearann so uile m’an do labhair mi, bheir mi d’ar sliochd-sa, agus sealbhaichidh iad e gu sìorruidh. 14 Agus ghabh an Tighearn aithreachas do’n olc a thubhairt e gu’n deanadh e air a shluagh. 15 Agus thionndaidh Maois, agus chaidh e sìos as an t-sliabh, (1) ciod is cor dha. (2) Bristibh. (3) inneal-breacaidh, inneal-dualaidh. (4) féill, cuirm. (5) an la’r na mhàireach. (6) mireadh, cluiche, cleasachd. (7) cruaidh-mhuinealach. [TD 153] ECSODUS. CAIB. XXXII. agus dà chlàr na fianuis ’na làimh: bha na clàir sgrìobhta air an dà thaobh; air an taobh so, agus air an taobh ud eile bha iad sgrìobhta. 16 Agus b’iad na clàir obair Dhé, agus b’e ’n sgrìobhadh sgrìobhadh Dhé, gearrta air na clàraibh. 17 Agus chuala Iosua toirm an t-sluaigh an uair a rinn iad gàir (1), agus thubhairt e re Maois, Tha toirm chogaidh ’sa’ champa. 18 Agus thubhairt e, Cha ’n e guth dhaoin’ a’ deanamh gàir air son na buadha, cha mhò is e guth dhaoine ag éigheach a chionn gu’n d’thugadh buaidh orra, ach toirm luchd gabhail ciuil a ta mi a’ cluinntinn. 19 Agus co luath ’sa thàinig e ’m fagus do’n champa, chunnaic e ’n laogh, agus an dannsa: agus las corruich Mhaois, agus thilg e na clàir as a làimh, agus bhris e iad aig bun an t-sléibh. 20 Agus ghabh e ’n laogh a rinn iad, agus loisg e ’san teine e, agus mheil e gu smùr (2) e, agus chrath e air an uisge e, agus thug e air cloinn Israeil òl dheth. 21 Agus thubhairt Maois re h-Aaron, Ciod a rinn an sluagh so ort, gu’n d’thug thu peacadh co mòr orra? 22 Agus thubhairt Aaron, Na lasadh fearg mo thighearna: is aithne dhuit an sluagh, gu’m bheil iad so-aomaidh a dh’ionnsuidh an uilc. 23 Oir thubhairt iad rium, Dean dhuinn dée, a théid romhainn; oir a thaobh a’ Mhaois so, an duine a thug a mach sinn a talamh na h-Eiphit, cha ’n fhios duinn ciod a thàinig air. 24 Agus thubhairt mi riu, Gach neach aig am bheil a’ bheag a dh’òr, briseadh e dheth e: agus thug iad dhomh e, agus thilg mi ’san teine e, agus thàinig a mach an laogh so. 25 Agus an uair a chunnaic Maois gu’n robh an sluagh rùisgte (3) (oir rùisg Aaron iad a chum an nàire ’am measg an naimhde) 26 ’An sin sheas Maois ann an geatadh (4) a’ champa, agus thubhairt e, Cò tha leis an Tighearna? thigeadh e m’ionnsuidhsa. Agus chruinnich mic Lebhi uile d’a ionnsuidh. 27 Agus thubhairt e riu, Mar so tha ’n Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cuireadh gach duine agaibh a chlaidheamh air a leis (5), agus rachaibh a steach agus a mach o gheata gu geatadh air feadh a’ champa, agus marbhadh gach duine agaibh a bhràthair, agus gach duine a chompanach, agus gach duine a choimhearsnach. 28 Agus rinn clann Lebhi a réir focail Mhaois: agus thuit do’n t-sluagh ’san là sin mu thimchioll thri mìle fear. 29 Oir thubhairt Maois, Coisrigibh sibh féin an diugh do’n Tighearna, eadhon gach duine air a mhac, agus air a bhràthair; a chum as gu’m builich (6) e oirbh beannachadh air an là ’n diugh. 30 Agus air an là màireach thubhairt Maois ris an t-sluagh, Pheacaich sibh peacadh mòr: agus a nis théid mise suas a dh’ionnsuidh an Tighearn, a (1) iolach. (2) fùdar. (3) lomnochd. (4) dorus. (5) a leth-taobh. (6) gu’m bàruig. [TD 154] ECSODUS. CAIB. XXXIII. dh’fheuchainn an dean mi réite air son bhur peacaidh. 31 Agus phill Maois a dh’ionnsuidh an Tighearn, agus thubhairt e, Och! pheacaich an sluagh so peacadh mòr, agus rinn iad dhoibh féin dée òir: 32 Gidheadh a nis, ma’s toil leat, math dhoibh am peacadh; ach mur math, dubh mise, guidheam ort, a mach as do leabhar a sgrìobh thu. 33 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Ge b’e a pheacaich a’m’ aghaidh, esan dubhaidh mi mach as mo leabhar. 34 Uime sin a nis imich, treòraich (1) an sluagh a chum an ionaid mu’n do labhair mi riut; feuch, théid m’aingeal romhad: gidheadh, ’san là am fiosraich mi, leanaidh mi am peacadh orra. 35 Agus chlaoidh (2) an Tighearn an sluagh, a chionn gu’n d’rinn iad an laogh (3), a rinn Aaron. CAIB. XXXIII. AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Imich, falbh suas as so, thu féin agus an sluagh a thug thu mach a talamh na h-Eiphit, a dh’ionnsuidh na tìre a mhionnaich mi do Abraham, do Isaac, agus do Iacob, ag ràdh, Do d’ shliochd-sa bheir mi e: 2 Agus cuiridh mi aingeal romhad; agus fuadaichidh mi mach an Canaanach, an t-Amorach, agus an t-Hiteach, agus am Peridseach, agus an t-Hibheach, agus an Iebusach: 3 A dh’ionnsuidh fearainn a ta sruthadh le bainne agus mil: oir cha d’théid mi suas a’d’ mheasg (4), oir is sluagh rag-mhuinealach thu; an t-eagal gu’n claoidh mi thu ’san t-slighe. 4 Agus an uair a chual’ an sluagh an droch sgeul so, rinn iad bròn; agus cha do chuir duine ’sam bith air a bhrèaghachd (5). 5 Oir thubhairt an Tighearna re Maois, Abair re cloinn Israeil, Is sluagh rag-mhuinealach sibh: ann am platha (6) théid mi suas ’nar measg, agus claoidhidh mi sibh: a nis uime sin cuiribh dhibh bhur brèaghachd, a chum as gu’m bi fios agam ciod a ni mi ribh. 6 Agus rùisg clann Israeil am brèaghachd dhiubh làimh re sliabh Horeb. 7 Agus ghabh Maois am pàilliun (7), agus shuidhich e ’n taobh a mach do’n champa e, fad’ o’n champa, agus thug e pàilliun (7) a’ choi’-thionail mar ainm air. Agus ’na lorg sin chaidh gach neach a bha ’g iarraidh an Tighearn a mach do phàilliun a’ choi’-thionail, a bha ’n taobh a muigh do’n champa. 8 Agus an uair a chaidh Maois a mach do’n phàilliun, dh’éirich an sluagh gu léir suas, agus sheas gach duine aig dorus a bhùtha, agus dh’amhairc iad ’an déigh Mhaois gus an deachaidh e stigh do’n phàilliun. 9 Agus an uair a chaidh Maois a stigh do’n phàilliun, thàinig am meall (8) neoil a nuas, agus sheas e aig dorus a’ phàilliuin, a- (1) thoir leat. (2) bhuail. Eabh. (3) air son an aoraidh a rinn iad do’n laogh. (4) a’d’ mheadhon. (5) eudach rìomhach. (6) mionaid, tiota, athghaoraid. (7) bùth. Eabh. (8) column, pillar. Sasg. [TD 155] ECSODUS. CAIB. XXXIV. gus labhair an Tighearna re Maois. 10 Agus chunnaic an sluagh uile am meall neoil ’na sheasamh aig dorus a’ phàilliuin: agus dh’éirich an sluagh uile suas, agus rinn iad aoradh, gach duine ann an dorus a bhùtha. 11 Agus labhair an Tighearna re Maois aghaidh re h-aghaidh, mar a labhras duine r’a charaid. Agus phill e rìs do’n champa; ach cha deachaidh a sheirbhiseach Iosua, mac Nun, duine òg, a mach as a’ phàilliun. 12 Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Feuch, a ta thu ’g ràdh rium, Thoir suas an sluagh so: agus cha d’thug thu fios domh cò chuireas tu maille rium. Gidheadh thubhairt thu, ’S aithne dhomh thu air t’ainm, agus mar an ceudna fhuair thu deagh-ghean a’m’ shùilibh (1). 13 A nis uime sin, guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean a’d’ shùilibh, nochd dhomh do shlighe, a chum as gu’m bi aithne agam ort, agus gu’m faigh mi deagh-ghean a’d’ shùilibh, agus meas (2) gur e ’n cinneach so do shluagh-sa. 14 Agus thubhairt e, Théid mo làthaireachd leat, agus bheir fois dhuit. 15 Agus thubhairt e ris, Mur d’théid do làthaireachd maille ruinn, na d’thoir suas sinn a so: 16 Oir ciod e leis an aithnichear ann an so gu’n d’fhuair mise agus do shluagh deagh-ghean a’d’ shùilibh? Nach ann le d’ dhol maille ruinn? Mar so dealaichear sinn, mise agus do shluagh, o gach uile shluagh a ta air aghaidh na talmhainn. 17 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, An ni so mar an ceudna a thubhairt thu, ni mise; oir fhuair thu deagh-ghean a’m’ shùilibh, agus is aithne dhomh thu air t’ainm. 18 Agus thubhairt esan, Foillsich dhomh, guidheam ort, do ghlòir. 19 Agus thubhairt e, Bheir mi air mo mhaitheas uile dol seach a’d’ làthair (4), agus gairmidh mi ainm an TIGHEARN a’d’ fhianuis; agus bithidh mi gràsmhor dha-san d’am bi mi gràsmhor, agus nochdaidh mi tròcair dha-san d’an nochd mi tròcair. 20 Agus thubhairt e, Cha’n fheud thu m’aghaidhs’ fhaicinn; oir cha ’n fhaic duine air bith mise, agus e beo (5). 21 Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, tha àite làimh rium, agus seasaidh tusa air carraig (6): 22 Agus an uair a bhios mo ghlòir a’ dol seachad, ’an sin cuiridh mi thu ann an sgoltadh do’n charraig, agus còmhdaichidh mi le m’ làimh thu gus an d’théid mi seachad. 23 Agus bheir mi air falbh mo làmh, agus chi thu mo chùlaobh; ach cha’n fhaicear m’aghaidh. CAIB. XXXIV. AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Snaidh dhuit féin dà chlàr chloiche cosmhuil ris na ceud chlàir; agus (1) taitneachd a’m’ shealladh. (2) faic. Eabh. (3) m’aghaidh. Eabh. (4) gabhail seach romhad. (5) cha’n urrain duin’ air bith mise fhaicsinn, agus a bhi beo. (6) air a’ chreig sin. [TD 156] ECSODUS. CAIB. XXXIV. sgrìobhaidh mis’ air na clàir sin na focail a bha air na ceud chlàir a bhris thu. 2 Agus bi deas (1) ’sa’ mhadainn, agus thig a nìos ’sa’ mhadainn do shliabh Shinai, agus nochd thu féin ’an sin dhomhs’ air mullach an t-sléibh. 3 Agus na d’thigeadh duine ’sam bith a nìos maille riut, agus na faicear duine ’san t-sliabh uile, agus na h-ionaltradh na treudan no’m buar (2) fa chomhair an t-sléibh sin. 4 Agus shnaidh e dà chlàr chloiche, cosmhuil ris na ceud chlàir; agus dh’éirich Maois suas gu moch ’sa’ mhadainn, agus chaidh e suas do shliabh Shinai, mar a dh’àithn an Tighearna dha, agus thug e leis ’na làimh an dà chlàr chloiche. 5 Agus thàinig an Tighearna nuas ann an neul, agus sheas e maille ris ’an sin; agus ghairm e air ainm an Tighearna. 6 Agus chaidh an Tighearna seachad (3) fa chomhair, agus ghairm e, AN TIGHEARNA, AN TIGHEARNA DIA, iochdmhor agus gràsmhor, fad-fhulangach, agus pailt’ ann an caoimhneas (4) agus ’am fìrinn, 7 A’ gleidheadh tròcair do mhìltibh, a’ mathadh (5) aingidheachd agus eusaontais, agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantuinn aingidheachd nan aithreachan air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas (6) agus air a’ cheathramh ginealach. 8 Agus rinn Maois deifir (7), agus chrom e cheann re làr, agus rinn e aoradh. 9 Agus thubhairt e, Ma fhuair mi nis deagh-ghean a’d’ shùilibh, O Thighearna, rachadh mo Thighearna, guidheam ort, ’nar measg (oir is sluagh rag-mhuinealach iad) agus math dhuinn ar n-aingidheachd agus ar peacadh, agus gabh sinn mar t’oighreachd féin. 10 Agus thubhairt e, Feuch, ni mise coi’-cheangal: ann an làthair do shluaigh uile ni mi nithe iongantach, nithe nach d’rinneadh an leithid air an talamh uile, no ann an aon chinneach: agus chi an sluagh uile, ’am measg am bheil thu, obair an Tighearna: oir is ni uamhasach a ni mise riut. 11 Coimhid thusa an ni a tha mi ’g àithneadh dhuit an diugh: Feuch, fuadaichidh mi mach (8) romhad an t-Amorach, agus an Canaanach, agus an t-Hiteach, agus am Peridseach, agus an t-Hibheach, agus an Iebusach. 12 Thoir an aire dhuit féin, an t-eagal gu’n dean thu coi’-cheangal re luchd-àiteachaidh na tìre d’am bheil thu dol, an t-eagal gum bi e ’na ribeadh a’d’ mheadhon. 13 Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan (9). 14 Oir cha dean thu aoradh do dhia ’sam bith eile; oir an Tighearna, d’an ainm Eudmhor, is Dia eudmhor e: 15 An t-eagal gu’n dean thu (1) ullamh. (2) na caoraich no ’n crodh. (3) seach. (4) tròcair. (5) a’ maitheamh; a’ toirt air falbh aingidheachd. Eabh. (6) gu nuig an treas. (7) cabhag. (8) tilgidh mi mach. (9) badan-coille. [TD 157] ECSODUS. CAIB. XXXIV. coi’-cheangal re luchd-àiteachadh na tìre, agus gu’n d’théid iad le strìopachas ’an déigh an diathan, agus gu’n d’thoir iad ìobairt d’an déibh, agus gu’n d’thoir neach cuireadh dhuit, agus gu’n ith thu d’a ìobairt; 16 Agus gu’n gabh thu d’an nigheanaibh do d’ mhic, agus gu’n d’théid an nigheana le strìopachas ’an déigh an diathan (1), agus gu’n d’thoir iad air do mhic dol le strìopachas ’an déigh an diathanna. 17 Cha dean thu dhuit féin dée leaghta. 18 Féisd (2) an arain neo-ghoirtichte cumaidh tu: seachd laithean ithidh tu aran neo-ghoirtichte, mar a dh’àithn mi dhuit ann an àm a’ mhìos Abib (3); oir anns a’ mhìos Abib thàinig thu mach as an Eiphit. 19 Gach ni a dh’fhosglas a’ bhrù (4) is leams’ e; agus gach ceud-ghin am measg do spréidhe, ma’s ann do’n bhuar (5) no do na caoraich e a bhios firionn. 20 Ach ceud-ghin asail fuasglaidh tu le h-uan; agus mur fuasgail thu e, ’an sin brisidh tu amhach (6). Uile cheud-ghin do mhac fuasglaidh tu: agus cha nochdar (7) a h-aon a’m’ làthair-sa falamh. 21 Sè laithean ni thu obair, ach air an t-seachdamh là gabhaidh tu fois: am an àm an treabhaidh agus anns an fhoghar gabhaidh tu fois. 22 Agus cumaidh tu féisd nan seachduine, a’ cheud toraidh do fhoghar a’ chruithneachd, agus féisd a’ chròdhaidh (8) ann an deireadh na bliadhna. 23 Tri uaire ’sa’ bhliadhna nochdar do mhic uile ’an làthair an Tighearna Iehobhah, Dé Israeil: 24 Oir tilgidh mi mach na cinnich romhad, agus ni mi do chrìocha ni’s farsainge; agus cha mhiannaich duine ’sam bith t’fhearann, an uair a théid thu suas g’ad nochdadh féin ’am fianuis an Tighearna do Dhé, tri uaire ’sa’ bhliadhna. 25 Cha ’n ìobair thu fuil m’ìobairt-sa le taois ghoirt, cha mhò a dh’fhàgar gu madainn ìobairt féisd na càisge. 26 Toiseach ceud thoraidh t’fhearainn bheir thu do thigh an Tighearna do Dhé. Cha bhruich thu meann ’am bainne a mhàthar. 27 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Sgrìobh thusa na focail so: oir a réir brì’ nam focal so rinn mise coi’-cheangal riut féin, agus re h-Israel. 28 Agus bha e ’n sin maille ris an Tighearna dà fhichead là agus dà fhichead oidhche; cha d’ith e aran, ni mò dh’òl e uisge: agus sgrìobh e air na clàir focail a’ choi’-cheangail, na deich àitheanta. 29 Agus an uair a thàinig Maois a nuas o shliabh Shinai (le dà chlàr na fianuis ann an làimh Mhaois, an uair a thàinig e ’nuas o’n t-sliabh) cha robh fios aig Maois gu’n do dhealraich croi- (1) dée. (2) féill, fleadh, cuirm. (3) mìos a’ cheud thoraidh. (4) a’ mhachlag. (5) chrodh. (6) mhuineal. (7) taisbeanar. (8) féisd a’ chruinneachaidh, cuirm an deire-tharraing. [TD 158] ECSODUS. CAIB. XXXV. cionn aghaidh, am feadh ’sa bha e còmhradh ris. 30 Agus dh’amhairc Aaron agus clann Israeil uile air Maois; agus feuch, dhealraich croicionn aghaidh, agus bha eagal orra teachd am fagus da. 31 Agus ghairm Maois orra, agus phill Aaron agus uachdarain a’ choi’-thionail uile d’a ionnsuidh: agus rinn Maois còmhradh riu. 32 Agus ’na dhéigh sin thàinig clann Israeil uile am fagus da; agus dh’àithn e dhoibh na h-uile nithe a labhair an Tighearna ris ann an sliabh Shinai. 33 Agus sguir Maois a labhairt riu; agus chuir e gnùis-bhrat (1) air aghaidh. 34 Ach an uair a chaidh Maois a steach ’an làthair an Tighearn a labhairt ris, thug e ’n gnùis-bhrat deth, gus an d’thàinig e mach. Agus thàinig e mach, agus labhair e re cloinn Israeil an ni sin a dh’àithneadh dha. 35 Agus chunnaic clann Israeil aghaidh Mhaois, gu’n do dhealraich croicionn aghaidh Mhaois: agus chuir Maois an gnùis-bhrat air aghaidh a rìs gus an deachaidh e stigh a labhairt ris. CAIB. XXXV. AGUS chruinnich Maois coi’-thional chloinn Israeil uile r’a chéile, agus thubhairt e riu, Sin na nithe (2) a dh’àithn an Tighearna, gu’n deanadh sibh iad. 2 Sè laithean nìthear obair, ach bithidh an seachdamh là dhuibh ’na là naomha, ’na shàbaid thàimh do’n Tighearna: ge b’e neach a ni obair air, cuirear gu bàs e. 3 Cha’n fhadaidh sibh teine ’sam bith air feadh bhur n-àiteacha-còmhnuidh air là na sàbaid. 4 Agus labhair Maois re coi’-thional chloinn Israeil uile, ag ràdh, So an ni a dh’àithn an Tighearn, ag ràdh, 5 Togaibh ’nar measg tabhartas do’n Tighearna: gach neach aig am bheil cridhe toileach, thugadh e leis e, tabhartas do’n Tighearna; òr, agus airgiod, agus umha, 6 Agus gorm, agus corcur, agus scarlaid, agus anart grinn, agus fionna ghabhar, 7 Agus croicne reitheachan air an dath’ dearg, agus croicne bhroc, agus fiodh sitim, 8 Agus oladh air son soluis, agus spìosraidh air son oladh-ungaidh, agus air son tùis chùbhraidh, 9 Agus clachan onics, agus clachan a chum an ceangal, air son na h-ephoid, agus air son na h-uchd-éididh. 10 Agus thigeadh gach duine glic-chridheach ’nar measg, agus deanadh e gach ni a dh’àithn an Tighearna; 11 Am pàilliun, a bhùth, agus a chòmhdach, a chromagan, agus a bhuird, a chroinn, a phostan agus a bhuinn; 12 An àirc agus a bataichean, cathair-na-tròcair agus roinn-bhrat a’ chòmhdaich; 13 Am bord agus a bhataichean, agus a shoithichean uile, agus an t-aran taisbeanta (3); 14 Agus an coinnleir a chum (1) còmhdach; veil. Sasg. (2) briathra. (3) aran na fianuis. [TD 159] ECSODUS. CAIB. XXXV. an t-soluis, agus uidheam, agus a lòchrain, maille re ola chum an t-soluis; 15 Agus altair na tùise, agus a bataichean, agus an oladh-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus an cùirtein air son doruis a’ phàilliuin (1); 16 Altair na h-ìobairt-loisgte agus a cliath umha (2), a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach-ionnlaid agus a chas; 17 Cùirteinean na cùirte, a puist agus a buinn, agus cùirtein air son doruis na cùirte, 18 Pinneachan (3) a’ phàilliuin; agus pinneachan na cùirte, agus an cuird, 19 Eididh an fhrithealaidh, a fhrithealadh ’san ionad naomha, an éididh naomha air son Aaroin an t-sagairt, agus éididh air son a chuid mac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t-sagairt. 20 Agus dh’fhalbh coi’-thionail chloinn Israeil uile a làthair Mhaois. 21 Agus thàinig iad, gach aon duine a dhùisg a chridhe suas, agus gach duine a rinn a chridhe toileach, agus thug iad leo tabhartas an Tighearna air son oibre pàilliuin a’ choi’-thionail, agus air son a sheirbhis uile, agus air son na h-éididh naomha. 22 Agus thàinig iad araon (4) fir agus mnài, a’ mheud’s aig an robh cridhe toileach, agus thug iad leo bràistean (5) agus cluas-fhailean, agus fàinneachan, agus criosa-muineil (6), gach uidheam òir (7): agus gach fear a thug seachad, thug e seachad tabhartas òir do’n Tighearna. 23 Agus gach fear aig an d’fhuaradh gorm, agus corcur, agus scarlaid, agus anart grinn, agus fionna ghabhar, agus croicne dhearg reitheachan, agus croicne bhroc, thug iad leo iad. 24 Gach duine a thug seachad tabhartas airgid agus umha, thug e leis tabhartas an Tighearna: agus gach duine aig an d’fhuaradh fiodh sitim chum oibre ’sam bith do’n t-seirbhis, thug e leis e. 25 Agus shnìomh na mnài uile a bha glic-chridheach le’n làmhan, agus thug iad leo an ni a shnìomh iad, an gorm, agus an corcur, an scarlaid agus an t-anart grinn. 26 Agus na mnài uile a dhùisg an cridhe suas ann an gliocas, shnìomh iad fionna ghabhar. 27 Agus thug na h-uachdarain leo clachan onics, agus clacha chum an ceangal, air son na h-ephoid, agus air son na h-uchd-éididh; 28 Agus spìosraidh, agus oladh air son an t-soluis, agus air son na h-oladh-ungaidh, agus air son na tùis chùbhraidh. 29 Thug clann Israeil tabhartas toileach a dh’ionnsuidh an Tighearna, gach fear agus bean a rinn an cridhe toileach a thoirt a chum gach gnè oibre, a dh’àithn an Tighearna dheanamh le làimh Mhaois. 30 Agus thubhairt Maois re cloinn Israeil, Faicibh, ghairm an Tighearn air ainm Besaleel mac (1) brat an doruis air son doruis a’ phàilliuin. Eabh. (2) criathar praise. (3) tairngean, seamannan. (4) an dà chuid. (5) dealgan. (6) paideirein. (7) seudan òir gu léir. [TD 160] ECSODUS. CAIB. XXXVI. Uri, mhic Hur, do thréibh Iudaih. 31 Agus lìon se e le spiorad Dhé, ann an gliocas, ann an tuisge, ann an eòlas agus anns gach gnè oibre; 32 Agus a dhealbhadh (1) oibre ealanta, a dh’oibreachadh ann an òr, agus ann an airgiod, agus ann an umha; 33 Agus ann an gearradh chlach chum an ceangal, agus ann an snaidheadh fiodha, a dheanamh gnè ’sam bith a dh’obair ealanta. 34 Agus chuir e ’na chridhe gu’n teagaisgeadh e, e féin agus Aholiab mac Ahisamaich do thréibh Dhan. 35 Lìon e iadsan le gliocas cridhe, a dh’oibreachadh gach gnè oibre, oibre a’ ghearradair, agus an oibriche ealanta, agus an oibriche le snàthaid ann an gorm, agus ann an corcur, ann an scarlaid agus ann an anart grinn, agus an fhigheadair, a ni obair ’sam bith, agus a dhealbhas obair ealanta. CAIB. XXXVI. AGUS dh’oibrich Besaleel agus Aholiab, agus gach duine glic-chridheach d’an d’thug an Tighearna gliocas agus tùr (2), a thuigsinn cionnus a dheanadh iad gach gnè oibre air son seirbhis an ionaid naomha, a réir gach ni a dh’àithn an Tighearna. 2 Agus ghairm Maois air Besaleel, agus air Aholiab, agus air gach duine glic-chridheach, d’an d’thug an Tighearna gliocas ’na chridhe, eadhon gach aon a dhùisg a chridhe suas, gu teachd a chum na h-oibre g’a deanamh. 3 Agus ghabh iad o Mhaois na tabhartasan uile a thug clann Israeil leo chum oibre seirbhis an ionaid naomha, g’a deanamh. Agus thug iad fathast d’a ionnsuidh saor thabhartasan gach aon mhadainn. 4 Agus thàinig na daoine glic uile, a rinn uil’ obair an ionaid naomha, gach duine ac’ o obair féin a bha iad a’ deanamh; 5 Agus labhair iad re Maois, ag ràdh, Tha ’n sluagh a’ toirt leo tuille mòr na ni’s leòr, a chum seirbhis na h-oibre dh’àithn an Tighearn a dheanamh. 6 Agus dh’àithn Maois, agus thugadh gairm air feadh a’ champa, ag ràdh, Na deanadh fear no bean ’sam bith tuilleadh oibre air son tabhartais an ionaid naomha. Mar sin thoirmisgeadh (3) do’n t-sluagh ni ’sam bith a thoirt leo. 7 Oir bu leòr an t-uidheam (4) a bh’aca air son na h-oibre uile, g’a deanamh, agus bu tuille ’s ni bu leòr e. 8 Agus rinn gach duine glic-chridheach ’nam measg-san a dh’oibrich obair a phàilliuin (5), deich cùirteine do anart grinn toinnte, agus do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid; le cerubaibh a dh’obair ealanta rinn e iad: 9 Fad aon chùirtein ochd làmha-coille thar fhichead, agus leud aon chùirtein ceithir làmha-coille: na cùirteinean uile dh’aon tomhas. 10 Agus cheangail e cùig (1) a chumadh. (2) tuigse. (3) bhacadh. (4) stubh; obair. Eabh. (5) a’ phubuill. [TD 161] ECSODUS. CAIB. XXXVI. cùirteine gach aon r’a chéile: agus na cùig cùirteinean eile cheangail e gach aon r’a chéile. 11 Agus rinn e lùban do ghorm air foir aon chùirtein, o’n iomall ’sa’ choi’-cheangal: air a’ mhodh cheudna rinn e ann am foir a’ chùirtein eile ’s faide mach, ann an coi’-cheangal an dara h-aon. 12 Leth-cheud lùb rinn e ann an aon chùirtein, agus leth-cheud lùb rinn e ann an iomall a’ chùirtein a bha ann an coi’-cheangal an dara h-aon: cheangail na lùban aon chùirtein re cùirtein eile (1). 13 Agus rinn e leth-cheud cromag òir, agus choi’-cheangail e na cùirteinean aon re h-aon leis na cromagaibh. Mar sin rinneadh e ’na aon phàilliun. 14 Agus rinn e cùirteine do fhionna ghabhar, air son a’ bhùtha os cionn a’ phàilliuin (2): aon chùirtein deug rinn e dhiubh: 15 B’e fad aon chùirtein deich làmha-coille thar fhichead, agus ceithir làmha-coille leud aon chùirtein: bha’n t-aon chùirtein deug a dh’aon tomhas. 16 Agus choi’-cheangail e cùig cùirteine leo féin, agus sè cùirteine leo féin. 17 Agus rinn e leth-cheud lùb air an fhoir a b’fhaide mach do’n chùirtein ’sa choi’-cheangal, agus leth-cheud lùb rinn e air foir a’ chùirtein a tha coi’-cheangal an dara h-aon. 18 Agus rinn e leth-cheud cromag a dh’umha, a cheangal a’ bhùtha r’a chéile, chum as gu’m biodh e ’na aon. 19 Agus rinn e còmhdach do’n bhùth, do chroicnibh reitheachan air an dath’ dearg, agus còmhdach do chroicnibh bhroc os a cheann. 20 Agus rinn e buird do’n phàilliun do fhiodh sitim, ’nan seasamh: 21 Deich làmha-coille fad buird, agus làmh-choille gu leth leud aon bhuird. 22 Bha dà làimh (3) aig aon bhord, air an cur ’an ordugh aon fa chomhair a h-aon (4): mar so rinn e re bùird a’ phàilliuin uile. 23 Agus rinn e buird do’n phàilliun: fichead bord air son an taoibh dheas, ris an airde deas. 24 Agus dà fhichead cas (5) airgid rinn e fuidh ’n fhichead bord: dà chois fuidh aon bhord a réir (6) a dhà làimh, agus dà chois fuidh bhord eile a réir a dhà làimh. 25 Agus air son taoibh eile a’ phàilliuin a ta ris an airde tuath, rinn e fichead bord, 26 Agus an dà fhichead cas a dh’airgiod: dà chois fuidh aon bhord, agus dà chois fuidh bhord eile. 27 Agus air son thaobh a’ phàilliuin ris an aird an iar, rinn e sè buird. 28 Agus rinn e dà bhord air son oisinnean a’ phàilliuin ’san dà thaobh. 29 Agus bha iad air an ceangal re chéile fuidhe, agus mar an ceudna bha iad air an coi’-cheangal aig a cheann re h-aon fhailbheig: mar so rinn e riu le chéile ’san dà oisinn. 30 Agus bha ochd buird ann, (1) bha na lùban fa chomhair a’ chéile. Eabh. (2) gu bhi ’nan còmhdach air a’ phàilliun. (3) tarsannain; tenons. Sasg. (4) gach aon co fhad o chéile. (5) cos, pulag. (6) air son. [TD 162] ECSODUS. CAIB. XXXVII. agus an casan a dh’airgiod, eadhon sè casa deug; dà chois fuidh gach bord. 31 Agus rinn e croinn do fhiodh sitim, cùig air son bhord aon taoibh do’n phàilliun, 32 Agus cùig croinn air son bhord an taoibh eile do’n phàilliun, agus cùig croinn air son bhord a’ phàilliuin a chum nan taobh a ta ris an aird an iar. 33 Agus thug e air a’ chrann mheadhonach dol troimh (1) na buird o cheann gu ceann. 34 Agus chòmhdaich e thairis na buird le h-òr, agus rinn e’ m failbheagan a dh’òr gu bhi ’nan àitibh do na croinn, agus chòmhdaich e thairis na croinn le h-òr. 35 Agus rinn e roinn-bhrat do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart grinn toinnte: a dh’obair ealanta rinn se e, le cerubaibh. 36 Agus rinn e dha ceithir puist do fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le h-òr: bha ’n cromagan a dh’òr, agus thilg (2) e dhoibh ceithir buinn airgid. 37 Agus rinn e air son doruis a’ bhùtha (3), brat (4) do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart grinn toinnte, dh’obair snàthaide: 38 Agus a chùig postan le ’n cromagaibh: agus chòmhdaich e thairis an cinn, agus an cuairteagan le h-òr: ach bha ’n cùig buinn a dh’umha. CAIB. XXXVII. AGUS rinn Besaleel an àirc do fhiodh sitim; dà làimh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud, agus làmh-choille gu leth a h-airde: 2 Agus chòmhdaich e thairis i le h-òr fìor-ghlan a stigh agus a muigh; agus rinn e coron òir dh’i m’an cuairt. 3 Agus thilg e dh’i ceithir failbheagan òir, gu bhi air a ceithir oisinnibh; eadhon dà fhailbheig air aon taobh dh’i, agus dà fhailbheig air an taobh eile dh’i. 4 Agus rinn e bataichean do fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le h-òr. 5 Agus chuir e na bataichean ’sna failbheagaibh air taobhan na h-àirce, chum an àirc a ghiùlan. 6 Agus rinn e cathair-na-tròcair a dh’òr fìor-ghlan: dà làimh-choille gu leth a fad, agus làmh-choille gu leth a leud. 7 Agus rinn e dà cherub a dh’òr, buailte mach a h-aon mhìr rinn e iad, aig dà cheann cathair-na-tròcair; 8 Aon cherub aig a’ cheann air an taobh so, agus cerub eile aig a’ cheann air an taobh ud: a mach a cathair-na-tròcair rinn e na ceruban aig a dà cheann. 9 Agus bha na ceruban a’ sgaoileadh an sgiathan gu h-ard, a’ còmhdachadh le ’n sgiathaibh os cionn cathair-na-tròcair, agus an aghaidhean (5) r’a chéile; re cathair-na-tròcair bha aghaidhean nan cerub. 10 Agus rinn e ’m bord do fhiodh sitim: dà làimh-choille fhad, agus làmh-choille a leud, agus làmh-choille gu leth airde. 11 Agus chòmhdaich e thai- (1) roimh; tre, trìd. Eir. (2) rinn. (3) a’ phàilliuin, a’ phubuill. (4) còmhdach, cùirtein. (5) aghainean. [TD 163] ECSODUS. CAIB. XXXVIII. ris e le h-òr fìor-ghlan, agus rinn e dha coron òir m’an cuairt. 12 Mar an ceudna rinn e dha iomall do leud boise m’an cuairt: agus rinn e coron òir d’a iomall m’an cuairt. 13 Agus thilg e dha ceithir failbheagan òir, agus chuir e na failbheagan air na ceithir oisinnibh a bha aig a cheithir chasaibh. 14 Thall fa chomhair an iomaill bha na failbheagan, na h-àiteachan do na bataichibh, gus am bord a ghiùlan. 15 Agus rinn e na bataichean do fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le h-òr, gus am bord a ghiùlan. 16 Agus rinn e na soithichean a bha air a’ bhord, a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chopain, agus a chuachan leis an d’thoirear seachad tabhartas-dibhe, a dh’òr fìor-ghlan. 17 Agus rinn e ’n coinnleir a dh’òr fìor-ghlan; a dh’obair bhuailte rinn e ’n coinnleir: bha chas, agus a mheur (1), a chopain, a chnapan, agus a bhlàthan do’n ni cheudna. 18 Agus sè meoir a’ dol a mach as a thaobhan: tri meoir a’ choinnleir a h-aon taobh dheth, agus tri meoir a’ choinnleir an taobh eile dheth. 19 Tri copain air an deanamh cosmhuil re almonaibh ann an aon mheur, maille re cnap agus blàth; agus tri copain air an deanamh cosmhuil re almonaibh ann am meur eile, maille re cnap agus blàth: mar sin anns na sè meoir a’ dol a mach as a’ choinnleir. 20 Agus anns a’ choinnleir bha ceithir copain air an deanamh cosmhuil re almonaibh, maille r’a chnaip agus a bhlàthan. 21 Agus cnap fuidh dhà mheur dheth, agus cnap fuidh dhà mheur dheth, agus cnap fuidh dhà mheur dheth, a réir nan sè meur a’ dol a mach as. 22 Bha ’n cnaip agus am meoir do’n ni cheudna: b’aon obair bhuailte a dh’òr fìor-ghlan an t-iomlan deth. 23 Agus rinn e a sheachd lòchrain, agus a smàladairean (2), agus a smàl-shoithichean, a dh’òr fìor-ghlan. 24 Do thàlann òir fhìor-ghloin rinn se e, agus a shoithichean uile. 25 Agus rinn e altair na tùise do fhiodh sitim: làmh-choille a fad, agus làmh-choille a leud (bha i ceithir-chearnach) agus dà làimh-choille a h-airde; bha a h-adhaircean do’n ni cheudna. 26 Agus chòmhdaich e thairis i le h-òr fìor-ghlan, a mullach, agus a taobhan m’an cuairt, agus a h-adhaircean; agus rinn e coron òir dh’i m’an cuairt. 27 Agus rinn e dà fhailbheig òir dh’i fuidh a coron, aig (3) a dà oisinn, air a dà thaobh, gu bhi ’nan àitibh do na bataichibh chum a giùlan leo. 28 Agus rinn e na bataichean do fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le h-òr. 29 Agus rinn e an oladh-ungaidh naomha, agus an tùis fhìor-ghlan do spìosraidh chùbhraidh, a réir oibre an léigh (4). CAIB. XXXVIII. AGUS rinn e altair na h-ìobairt-loisgte do fhiodh si- (1) mheanglan. (2) a chlobhachan. (3) ag. (4) an ollaidh, an lusragain. [TD 164] ECSODUS. CAIB. XXXVIII. tim: cùig làmha-coille a fad, agus cùig làmha-coille a leud (bha i ceithir-chearnach) agus tri làmha-coille a h-airde. 2 Agus rinn e a h-adhaircean air a ceithir oisinnibh: bha a h-adhaircean do’n ni cheudna; agus chòmhdaich e thairis i le h-umha. 3 Agus rinn e uile shoithichean na h-altarach, na h-aigheannan (1), agus na sluasaidean, agus na cuachan, agus na greimichean, agus na h-aigheannan-teine: a soithichean uile rinn e a dh’umha. 4 Agus rinn e do’n altair cliath do lìon-obair umha, f’a cuairt gu h-ìosal, gu nuig a meadhon. 5 Agus thilg e ceithir failbheagan do cheithir oisinnibh (2) na cléith umha, gu bhi ’nan àitibh do na bataichibh. 6 Agus rinn e na bataichean do fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le h-umha. 7 Agus chuir e na bataichean ’sna failbheagaibh air taobhan na h-altarach, chum a giùlan leo: fàs le bòrdaibh rinn e i. 8 Agus rinn e an soitheach-ionnlaid a dh’umha, agus a chas a dh’umha, do sgàthanaibh nam ban, a chruinnich ’nam buidhnibh aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail (3). 9 Agus rinn e chùirt air an taobh mu dheas, ris an airde deas: bha cùirteinean na cùirte do anart grinn toinnte, ceud làmh-choille air fad; 10 Am puist fichead, agus am buinn umha, fichead: bha cromagan nam post agus an cuairteagan a dh’airgiod. 11 Agus air an taobh mu thuath, bha na cùirteine do cheud làmh-choille; am puist fichead, agus am buinn umha fichead: cromagan nam post, agus an cuairteagan (4) a dh’airgiod. 12 Agus air an taobh an iar bha cùirteine do leth-cheud làmh-choille; am puist deich, agus am buinn deich: cromagan nam post agus an cuairteagan a dh’airgiod. 13 Agus air an taobh an ear ris an aird an ear, leth cheud làmh-choille. 14 Bha cùirteinean aon taoibh do’n gheata cùig làmha-coille deug; am puist tri agus am buinn tri. 15 Agus air son an taoibh eile do gheata na cùirte, air an làimh so agus air an làimh ud, bha cùirteine do chùig làmha-coille deug; am puist tri agus am buinn tri. 16 Bha cùirteinean na cùirte uile m’an cuairt a dh’anart grinn toinnte. 17 Agus bha buinn nam post a dh’umha; cromagan nam post, agus an cuairteagan a dh’airgiod, agus còmhdach an ceann a dh’airgiod; agus bha uile phuist na cùirte air an ceangal m’an cuairt (5) le h-airgiod. 18 Agus bha ’m brat air son geataidh na cùirte ’na obair shnàthaid do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart grinn toinnte: agus b’e fichead làmh-choille fhad, agus b’e airde ’san leud cùig làmha- (1) coireachan, poitean. (2) chinn. (3) a bha cruinneachadh, a chruinnich aig dorus bùtha a’ choi’-thionail. Eabh. (4) stìoman. (5) cuairtichte, stìomaichte. [TD 165] ECSODUS. CAIB. XXXIX. coille, a’ coi’-fhreagairt do chùirteinibh na cùirte: 19 Agus am puist ceithir, agus am buinn umha ceithir, an cromagan a dh’airgiod, agus còmhdach an ceann, agus an cuairteagan a dh’airgiod. 20 Agus bha uile phinneachan a’ phàilliuin, agus na cùirte m’an cuairt, a dh’umha. 21 Is e sin àireamh nithe a’ phàilliuin, pàilliuin na fianuis, mar a dh’àirmheadh iad, a réir àithne Mhaois, air son seirbhis nan Lebheach, le làimh Itamair, mhic Aaroin an t-sagairt. 22 Agus rinn Besaleel mac Uri, mhic Shur, do thréibh Iudaih, gach ni a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; 23 Agus maille ris Aholiab, mac Ahisamaich, do thréibh Dhan, gearradair, agus oibriche ealanta, agus fear oibre gréis (1) ann an gorm, agus ann an corcur, agus ann an scarlaid, agus ann an anart grinn. 24 B’e ’n t-òr uile a chuireadh ’am feum (2) ’san obair, ann an uil’ obair an ionaid naomha, eadhon òr an tabhartais, naoi tàlanna fichead, agus seachd ceud agus deich secel ’ar fhichead, a réir seceil an ionaid naomha. 25 Agus b’e airgiod na muinntir a dh’àirmheadh do’n choi’-thional, ceud tàlann, agus mìle agus seachd ceud agus cùig secel deug agus tri fichead, a réir seceil an ionaid naomha: 26 Becah air son gach fir, ’s e sin leth seceil, a réir seceil an ionaid naomha, air son gach aon a chaidh gu bhi air an àireamh o fhichead bliadhn’ a dh’aois agus os a cheann, air son shè ceud mìle agus thri mìle agus chùig ceud agus leth-cheud fear. 27 Agus do’n cheud tàlann airgid thilgeadh buinn an ionaid naomha, agus buinn an roinn-bhrait; ceud bonn do’n cheud tàlann, tàlann do gach bonn. 28 Agus do’n mhìle agus sheachd ceud agus a’ chùig secel deug agus tri fichead, rinn e cromagan do na puist, agus chòmhdaich e’n cinn, agus chuir e cuairteagan m’an timchioll (3). 29 Agus b’e umha an tabhartais deich agus tri fichead tàlann, agus dà mhìle agus ceithir cheud secel. 30 Agus rinn e le sin na buinn do dhorus pàilliuin a’ choi’-thionail, agus an altair umha, agus a’ chliath umha aice, agus soithichean na h-altarach uile, 31 Agus buinn na cùirte m’an cuairt, agus buinn geataidh na cùirte, agus uile phinneachan a’ phàilliuin, agus uile phinneacha na cùirte m’an cuairt. CAIB. XXXIX. AGUS do’n ghorm, agus do’n chorcur, agus do’n scarlaid rinn iad éididh (4) frithealaidh, gu frithealadh ’san ionad naomha, agus rinn iad éididh naomha do Aaron, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 2 Agus rinn e ’n ephod do òr, do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart grinn toinnte. 3 Agus bhuail iad a mach an t-òr ’na leachdaibh (5) tana, agus ghearr iad e ’na shnàinnibh (6), a (1) gréisear; embroiderer. Sasg. (2) a chaitheadh. (3) stìmich e iad. (4) truscan, aodaichean. (5) lannaibh. (6) theudaibh. [TD 166] ECSODUS. CAIB. XXXIX. chum oibreachadh ’am measg a’ ghuirm, agus ’am measg a’ chorcuir, agus ’am measg na scarlaid, agus ’am measg an anairt ghrinn le h-obair ealanta. 4 Rinn iad mìrean-guailne dh’i, ceangailte re chéile (1) air a dà fhoir: mar sin chuireadh re chéile i. 5 Agus bha crios rìomhach na h-ephoid a bha air a h-uachdar, do’n ni cheudna, a réir a h-oibre féin; eadhon do òr, do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart grinn toinnte, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 6 Agus dh’oibrich iad clachan onics ceangailte ann am failibh òir, air an gearradh le gearradh seulaidh, le ainmibh chloinn Israeil orra. 7 Agus chuir e iad air guailnibh na h-ephoid, gu bhi ’nan clacha cuimhneachain do chloinn Israeil, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 8 Agus rinn e ’n uchd-éididh le h-obair ealanta, a réir oibre (2) na h-ephoid, do òr, do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart grinn toinnte. 9 Bha i ceithir-chearnach; rinn iad an uchd-éididh dà-fhillte: réis a fad, agus réis a leud; bha i dà-fhillte. 10 Agus chuir iad innte ceithir sreathan chlach: a’ cheud sreath, sardius, topas, agus carbuncul: so a’ cheud sreath. 11 Agus an dara sreath, emerald, saphir, agus daoimein. 12 Agus an treas sreath, ligur, agat, agus ametist. 13 Agus an ceathramh sreath, beril, onics, agus iasper: bha iad air an ceangal ann am failibh òir ’nan suidheachadh (3). 14 Agus bha na clachan a réir ainmeanna chloinn Israeil, a dhà-dheug a réir an ainmeanna, le gearradh seulaidh, gach aon aca le h-ainm féin, a réir an dà thréibh dheug. 15 Agus rinn iad air an uchd-éididh slabhruidhean aig na cinn, a dh’obair shnìomhta dh’òr fìor-ghlan. 16 Agus rinn iad dà fhail òir, agus dà fhàinne òir: agus chuir iad an dà fhàinne air dà cheann na h-uchd-éididh. 17 Agus chuir iad an dà shlabhruidh shnìomhta òir ’san dà fhàinne air cinn na h-uchd-éididh. 18 Agus dhaingnich iad dà cheann na dà shlabhruidh shnìomhta ’san dà fhail, agus chuir siad air mìribh-guailne na h-ephoid air a beulaobh. 19 Agus rinn iad dà fhàinne òir, agus chuir siad iad air dà cheann na h-uchd-éididh air an iomall dith, a bha air taobh na h-ephoid a stigh. 20 Agus rinn iad dà fhàinne òir eile, agus chuir siad iad air dà thaobh na h-ephoid gu h-ìosal, leth ris a’ chuid bheoil dith, fa chomhair a coi’-cheangail eile, os ceann crios rìomhach na h-ephoid. 21 Agus cheangail iad an uchd-éididh leis a fàinnibh re fàinnibh na h-ephoid le h-éill ghuirm, a chum gu’m bitheadh i os ceann crios rìomhach na h-ephoid, agus nach biodh an uchd-éididh air a fuasgladh o’n (1) g’a ceangal re chéile. (2) cosmhuil re obair. (3) dùnadh, cur. [TD 167] ECSODUS. CAIB. XXXIX. ephoid, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 22 Agus rinn e falluing na h-ephoid a dh’obair fhighte, uile do ghorm. 23 Agus bha toll ’am meadhon na falluinge, mar tholl lùiriche-màillich, agus foir (1) timchioll a tuill, a chum nach reubtadh i. 24 Agus rinn iad air iomall na falluinge pomgranata do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart toinnte. 25 Agus rinn iad cluig a dh’òr fìor-ghlan, agus chuir iad na cluig eadar na pomgranatan, air iomall na falluinge m’an cuairt eadar na pomgranata: 26 Clag agus pomgranat, clag agus pomgranat air iomall na falluinge m’an cuairt, a fhrithealadh innte, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 27 Agus rinn iad còtaichean a dh’anart grinn, a dh’obair fhighte, air son Aaroin agus a chuid mac, 28 Agus crùn-sagairt a dh’anart grinn, agus bonaidean sgiamhach a dh’anart grinn, agus briogais anairt a dh’anart grinn toinnte, 29 Agus crios do anart grinn toinnte, agus do ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, a dh’obair shnàthaide, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 30 Agus rinn iad leachd (2) a’ chrùin naomha dh’òr fìor-ghlan, agus sgrìobh iad oirre sgrìobhadh, cosmhuil re gearradh seulaidh, NAOMHACHD DO’N TIGHEARNA. 31 Agus cheangail iad ria iall do ghorm g’a daingneachadh air a’ chrùn gu h-ard, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 32 Mar so chrìochnaicheadh uil’ obair pàilliuin bùtha a’ choi’-thionail (3), agus rinn clann Israeil a réir gach ni a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad. 33 Agus thug iad am pàilliun gu Maois, am bùth, agus airneis uile, a chromagan, a bhuird, a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn. 34 Agus an còmhdach do chroicnibh reitheachan air an dath’ dearg, agus an còmhdach do chroicnibh bhroc, agus brat a’ chòmhdaich, 35 Airc na fianuis, agus a bataichean, agus cathair-na-tròcair, 36 Am bord agus a shoithichean uile, agus an t-aran taisbeanta, 37 An coinnleir fìor-ghlan agus a lòchrain, eadhon a lòchrain gu bhi air an cur ann an ordugh, agus a shoithichean uile, agus an oladh a chum soluis, 38 Agus an altair òir, agus an oladh-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus am brat air son doruis a’ phàilliuin, 39 An altair umha, agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach-ionnlaid agus a chas, 40 Cùirteinean na cùirte, a puist, agus a buinn, agus am brat (4) air son geataidh na cùirte, a cuird, agus a pinneachan (5), agus uile shoithiche seirbhis a’ phàilliuin, air son bùtha a’ choi’-thionail, 41 Eididh an fhrithealaidh (6) (1) iomall, bann. (2) fleasg, blàth. (3) uil’ obair pàilliuin, eadhon bùtha a’ cho’-chruinnich. (4) croch-bhrat. (5) tairngean. (6) Truscan na seirbhis. [TD 168] ECSODUS. CAIB. XL. gu frithealadh ’san ionad naomha, an éididh naomha air son Aaroin an t-sagairt, agus éididh a chuid mac a fhrithealadh ann an dreuchd an t-sagairt. 42 A réir gach ni a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil an obair uile. 43 Agus dh’amhairc Maois air an obair uile, agus feuch, rinn iad i mar a dh’àithn an Tighearna, eadhon mar sin rinn iad i: agus bheannaich Maois iad. CAIB. XL. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Air a’ cheud là do’n cheud mhìos cuiridh tu suas pàilliun bùtha a’ choi’-thionail. 3 Agus cuiridh tu ann àirc na fianuis, agus folaichidh tu ’n àirc leis an roinn-bhrat. 4 Agus bheir thu stigh am bord, agus cuiridh tu ’n ordugh na nithe a ta gu bhi air an cur ’an ordugh air, agus bheir thu stigh an coinnleir, agus lasaidh tu a lòchrain. 5 Agus suidhichidh tu ’n altair òir a ta chum na tùise fa chomhair àirc na fianuis, agus cuiridh tu brat an doruis ris a’ phàilliun. 6 Agus suidhichidh tu altair na h-ìobairt-loisgte fa chomhair doruis pàilliuin bùtha a’ choi’-thionail. 7 Agus suidhichidh tu ’n soitheach-ionnlaid eadar bùth a’ choi’-thionail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann. 8 Agus cuiridh tu suas a’ chùirt m’an cuairt, agus crochaidh tu suas am brat aig geata na cùirte. 9 Agus gabhaidh tu an oladh-ungaidh, agus ungaidh tu ’m pàilliun, agus gach ni a ta ann, agus naomhaichidh tu e, agus a shoithichean uile: agus bithidh e naomha. 10 Agus ungaidh tu altair na h-ìobairt-loisgte, agus a soithichean uile, agus naomhaichidh tu an altair: agus bithidh an altair ro-naomha. 11 Agus ungaidh tu an soitheach-ionnlaid agus a chas, agus naomhaichidh tu e. 12 Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu dorus bùtha a’ choi’-thionail (1), agus ionnailidh tu iad le h-uisge. 13 Agus cuiridh tu air Aaron an éididh naomha (2), agus ungaidh tu e, agus naomhaichidh tu e; agus fritheilidh e dhomhsa ann an dreuchd an t-sagairt. 14 Agus bheir thu leat a mhic agus cuiridh tu còtaichean orra, 15 Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu ’n athair, agus fritheilidh (3) iad dhomhsa ann an dreuchd an t-sagairt; oir bithidh gu deimhin an ungadh-sa dhoibh a chum sagartachd sìorruidh air feadh an ginealacha. 16 Agus rinn Maois a réir gach ni a dh’àithn an Tighearna dha: mar sin rinn e. 17 Agus b’anns a’ cheud mhìos, ’san dara bliadhna, air a’ cheud là do’n mhìos, a chuireadh suas am pàilliun. 18 Agus chuir Maois suas am pàilliun agus dhaingnich e (1) pàilliuin a’ choi’-thionail. (2) an truscan, a’ chulaidh naomha. (3) chum gu fritheil. (4) an teisteas. [TD 169] ECSODUS. CAIB. XL. bhuinn, agus chuir e suas a bhuird, agus chuir e stigh a chroinn, agus thog e suas a phuist. 19 Agus sgaoil e mach am bùth os cionn a’ phàilliuin, agus chuir e còmhdach a’ bhùtha air os a cheann, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 20 Agus ghabh e agus chuir e an fhianuis (1) anns an àirc, agus chuir e na bataichean air an airc, agus chuir e cathair-na-tròcair air an àirc os a ceann. 21 Agus thug e ’n àirc a stigh do’n phàilliun, agus chuir e suas brat a’ chòmhdaich, agus chòmhdaich e àirc na fianuis, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 22 Agus chuir e ’m bord ann am bùth a’ choi’-thionail air taobh a’ phàilliuin mu thuath, an taobh a muigh do’n roinn-bhrat. 23 Agus chuir e ’n t-aran ann an ordugh air, ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 24 Agus chuir e ’n coinnleir ann am bùth a’ choi’-thionail thall fa chomhair a’ bhuird, air taobh a’ phàilliuin ris an airde deas. 25 Agus las e na lòchrain ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 26 Agus chuir e ’n altair òir ann am bùth a’ choi’-thionail air beulaobh an roinn-bhrait. 27 Agus loisg e tùis chùbhraidh oirre, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 28 Agus chuir e suas am brat (2) aig dorus a’ phàilliuin. 29 Agus chuir e altair na h-ìobairt-loisgte làimh re dorus pàilliuin bùtha a’ choi’-thionail, agus thug e suas oirre an ìobairt-loisgte agus an tabhartas-bìdh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 30 Agus chuir e ’n soitheach-ionnlaid eadar bùth a choi’-thionail agus an altair, agus chuir e uisge ann, a dh’ionnlad leis. 31 Agus dh’ionnail Maois, agus Aaron, agus a mhic, an làmhan agus an cosan aige. 32 An uair a bha iad gu dol a stigh do bhùth a’ choi’-thionail, agus gu teachd am fagus do’n altair, dh’ionnail siad iad féin, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 33 Agus chuir e suas a’ chùirt timchioll a’ phàilliuin agus na h-altarach, agus chuir e suas brat geataidh na cùirte: mar sin chrìochnaich Maois an obair. 34 ’An sin chòmhdaich neul bùth a’ choi’-thionail, agus lìon glòir an Tighearn am pàilliun. 35 Agus cha b’urradh Maois dol a stigh do bhùth a’ choi’-thionail, a chionn gu’n do ghabh an neul còmhnuidh air, agus gu’n do lìon glòir an Tighearn am pàilliun. 36 Agus an uair a dh’éirich an neul suas o mhullach a’ phàilliuin, chaidh clann Israeil air an aghaidh ’nan uile thurusaibh: 37 Ach mur d’éirich an neul suas, ’an sin cha do thriall iad gus an là ’san d’éirich e suas: 38 Oir bha neul an Tighearn air a’ phàilliun ’san là, agus bha teine air ’san oidhche, ann an sealladh thighe Israeil uile, air feadh an uile thurusa. (1) an teisteas. (2) an còmhdach. [TD 170] LEBHITICUS. CAIB. I. AGUS ghairm an Tighearn air Maois, agus labhair e ris a pàilliun a’ choi’-thionail (1), ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, Ma bheir duine ’sam bith agaibh tabhartas a dh’ionnsuidh an Tighearna, bheir sibh bhur tabhartas do’n spréidh, eadhon do’n bhuar agus do’n treud. 3 Ma bhios a thabhartas do’n bhuar ’na ìobairt-loisgte (2), thugadh e seachad beathach firionn gun ghaoid: aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail bheir e seachad e d’a shaor thoil féin, ’an làthair an Tighearna. 4 Agus cuiridh e a làmh air ceann na h-ìobairt-loisgte: agus gabhar air a shon i, a dheanamh réite air a shon. 5 Agus marbhaidh e ’n tarbh òg (3) ’an làthair an Tighearna: agus bheir na sagairt mic Aaroin leo an fhuil, agus crathaidh iad an fhuil m’an cuairt air an altair, a ta aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 6 Agus fionnaidh e ’n ìobairt-loisgte, agus gearraidh e i ’na mìribh (4). 7 Agus cuiridh mic Aaroin an t-sagairt teine air an altair, agus leagaidh iad fiodh (5) ann an ordugh air an teine. 8 Agus leagaidh na sagairt mic Aaroin na mìrean, an ceann, agus an t-saill, ann an ordugh air an fhiodh a ta air an teine, a tha air an altair. 9 Ach a mhionach (6) agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t-iomlan (7) air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, a dh’fhàile cùbhraidh (8) do’n Tighearna. 10 Agus ma’s ann do na treudaibh a bhios a thabhartas, eadhon do na caoraich, no do na gabhraibh, mar ìobairt-loisgte; ’na bheathach firionn gun ghaoid bheir e leis e. 11 Agus marbhaidh se e aig taobh na h-altarach mu thuath ann an làthair an Tighearna: agus crathaidh na sagairt mic Aaroin fhuil air an altair m’an cuairt. 12 Agus gearraidh se e ’na mhìribh, maille r’a cheann agus r’a shaill; agus cuiridh an sagart iad ann an ordugh air an fhiodh a ta air an teine, a tha air an altair. 13 Ach nighidh e am mionnach agus na casan le h-uisge; agus bheir an sagart leis an t-iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, (1) bùth a’ choi’-thionail. (2) chum ìobairt-loisgte. (3) gamhuinn; mac bòtha. Eabh. (4) ’na bloighdibh. (5) connadh. (6) a ghrealach. (7) na h-uile. (8) do bholadh cùbhaidh. [TD 171] LEBHITICUS. CAIB. II. a dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna. 14 Agus ma’s ann do eunaibh a bhios a thabhartas do’n Tighearna mar ìobairt-loisgte, ’an sin bheir e a thabhartas do thurturaibh, no do cholmanaibh òga. 15 Agus bheir an sagart e chum na h-altarach, agus snìomhaidh (1) e cheann deth, agus loisgidh e air an altair e; agus fàisgear a mach fhuil air taobh na h-altarach. 16 Agus spìonaidh (2) e gheuban as maille r’a chlòimh (3), agus tilgidh se e làimh ris an altair, air an taobh an ear, a dh’àite na luatha. 17 Agus sgoiltidh se e maille r’a sgiathaibh, ach cha roinn e o cheile e: agus loisgidh an sagart e air an altair, air an fhiodh a ta air an teine, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, a dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna. CAIB. II. AGUS an uair a bheir neach air bith tabhartas-bìdh do’n Tighearna, bithidh a thabhartas do phlùr mìn: agus dòirtidh e oladh air, agus cuiridh e tùis air: 2 Agus bheir se e gu mic Aaroin na sagairt, agus gabhaidh e as làn a dhuirn d’a phlùr, agus d’a ola, maille r’a thùis uile; agus loisgidh an sagart a chuimhneachan air an altair, gu bhi ’na thabhartas air a thoirt suas le teine, a dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna. 3 Agus fuigheall an tabhartais-bhìdh, is le Aaron agus le mhic e: is ni ro-naomha e do thabhartasaibh an Tighearn air an toirt suas le teine. 4 Agus ma bheir thu seachad tabhartas-bìdh air a dheasachadh (4) ’san àmhuinn, is breacagan neo-ghoirtichte do phlùr mìn measgta le h-oladh a bhios ann, no dearnagan (5) neo-ghoirtichte ungta le h-ola. 5 Agus ma’s tabhartas-bìdh air a dheasachadh ann an aghann a bhios a’d’ thabhartas, bithidh e do phlùr mìn neo-ghoirtichte, measgta le h-ola. 6 Roinnidh tu e na mhìribh, agus dòirtidh tu oladh air: is tabhartas-bìdh a t’ann. 7 Agus ma bhios do thabhartas ’na thabhartas-bìdh o’n aghann-ròstaidh, nìthear e do phlùr mìn le h-ola, 8 Agus bheir thu ’n tabhartas-bìdh, a nìthear do na nithibh so, chum an Tighearna: agus an uair a thaisbeanar (6) do’n t-sagart e, bheir se e chum na h-altarach. 9 Agus gabhaidh an sagart as an tabhartas-bìdh cuimhneachan dheth, agus loisgidh se e air an altair: is tabhartas a th’ann air a thoirt suas le teine, a dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna. 10 Agus an ni a dh’fhàgar do’n tabhartas-bìdh, is le Aaron agus le mhic e: tha e ’na ni ro-naomha do thabhartais an Tighearn air an toirt suas le teine. 11 Cha deanar tabhartas-bìdh sam bith, a bheir sibh a dh’ionnsuidh an Tighearna, le taois ghoirt; oir cha loisg sibh (1) spìonaidh. (2) reubaidh. (3) iteagan. (4) bruichte. (5) gearragan; wafers. Sasg. (6) nochdar. [TD 172] LEBHITICUS. CAIB. III. a’ bheag do thaois ghoirt, no do mhil, ann an tabhartais an Tighearn a bheirear suas le teine. 12 A thaobh tabhartais a’ cheud toraidh, bheir sibh seachad e do’n Tighearna: ach cha loisgear air an altair e chum fàile cùbhraidh. 13 Agus gach tabhartas-bìdh a bheir thu leat, ni thu blasda le salann: cha mhò a leigeas tu le salann coi’-cheangail do Dhé bhi dh’easbhuidh air do thabhartais-bìdh: le d’ thabhartais uile bheir thu seachad salann. 14 Agus ma bheir thu seachad tabhartas-bìdh do d’ cheud thoradh do’n Tighearna, bheir thu seachad mar an tabhartas-bìdh do d’ cheud thoradh, diasa glasa do arbhar cruaidhichte leis an teine, eadhon sìol buailte as na diasaibh ùra (1). 15 Agus cuiridh tu oladh air, agus leagaidh tu tùis air: is tabhartas-bìdh e. 16 Agus loisgidh an sagart a chuimhneachan, cuid d’a arbhar buailte, agus cuid d’a ola, maille r’a thùis uile: is tabhartas e a bheirear suas le teine do’n Tighearna. CAIB. III. AGUS ma bhios a thabhartas a chum ìobairt tabhartasan-sìth, ma’s ann do’n bhuar a bheir e seachad e, ma’s firionn no bainionn e; bheir e seachad e gun ghaoid ’an làthair an Tighearna. 2 Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh se e aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail: agus crathaidh mic Aaroin na sagairt an fhuil air an altair m’an cuairt. 3 Agus bheir e seachad do ìobairt nan tabhartas-sìth, tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna; an t-saill a ta còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t-saill uile a th’air a’ mhionach, 4 Agus an dà àra, agus an t-saill a ta orra, a ta air an loch-léin, agus an sgairt a ta os cionn nan àinean; maille ris na h-airnibh, bheir e air falbh i. 5 Agus loisgidh mic Aaroin e air an altair, air an ìobairt-loisgte, a ta air an fhiodh a th’air an teine: is tabhartas e a bheirear suas le teine, a dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna. 6 Agus ma’s ann do’n treud a bhios a thabhartas chum ìobairt tabhartasan-sìth do’n Tighearna, firionn no bainionn; bheir e seachad e gun ghaoid. 7 Ma bheir e seachad uan mar a thabhartas, bheir e seachad e ’an làthair an Tighearna. 8 Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh se e fa chomhair pàilliuin a’ choi’-thionail: agus crathaidh mic Aaroin fhuil air an altair m’an cuairt. 9 Agus bheir e seachad cuid do ìobairt nan tabhartas-sìth, mar thabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna: a shaill agus an t-earball uile, teann air a’ chnàimh-dhroma bheir e air falbh e: agus an t-saill a ta còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t-saill uile a ta air a’ mhionach, 10 Agus an dà àra, agus an t-saill a ta orra, a ta làimh ris an loch-léin, agus an sgairt os (1) làna. [TD 173] LEBHITICUS. CAIB. IV. cionn nan àinean; maille ris na h-airnibh, bheir e air falbh i. 11 Agus loisgidh an sagart e air an altair; ’se biadh an tabhartais a bheirear suas le teine do’n Tighearn e. 12 Agus ma’s gabhar a bhios ’na thabhartas, bheir e seachad i ’an làthair an Tighearna. 13 Agus cuiridh e a làmh air a ceann, agus marbhaidh e i fa chomhair pàilliuin a’ choi’-thionail: agus crathaidh mic Aaroin a fuil air an altair m’an cuairt. 14 Agus bheir e seachad dhith a thabhartas, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna; an t-saill a tha còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t-saill uile a ta air a’ mhionach, 15 Agus an dà àra, agus an t-saill a ta orra, a tha làimh ris an loch-léin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h-airnibh, bheir e air falbh i. 16 Agus loisgidh an sagart iad air an altair: is iad biadh an tabhartais a bheirear suas le teine, chum fàile cùbhraidh. An t-saill uile is leis an Tighearna. 17 Bithidh e ’na reachd (1) bith-bhuan do’r ginealachaibh air feadh bhur n-àiteacha-còmhnuidh uile, nach ith sibh saill no fuil sam bith. CAIB. IV. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, ag ràdh, Ma pheacaicheas anam tre aineolas (2) ’an aghaidh h-aon sam bith do àitheantaibh an Tighearna (thaobh nithe nach bu chòir a dheanamh) agus gu’n dean e ni ’an aghaidh a h-aon diubh; 3 Ma pheacaicheas an sagart a chaidh ungadh, a réir peacaidh an t-sluaigh; ’an sin thugadh e air son a pheacaidh a pheacaich e, tarbh òg gun ghaoid a dh’ionnsuidh an Tighearna chum ìobairt-pheacaidh. 4 Agus bheir e an tarbh gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail ’an làthair an Tighearna; agus cuiridh e a làmh air ceann an tairbh, agus marbhaidh e ’n tarbh ’an làthair an Tighearna. 5 Agus gabhaidh an sagart a chaidh ungadh, cuid do fhuil an tairbh, agus bheir e i gu pàilliun a’ choi’-thionail. 6 Agus tumaidh an sagart a mheur ’san fhuil, agus crathaidh e cuid do’n fhuil seachd uairean ’an làthair an Tighearna, fa chomhair roinn-bhrait an ionaid naomha. 7 Agus cuiridh an sagart cuid do’n fhuil air adhaircibh altarach na tùis chùbhraidh ’am fianuis an Tighearna, a ta ann am pàilliun a’ choi’-thionail; agus dòirtidh e fuil an tairbh uile aig bun altarach na h-ìobairt-loisgte, a ta aig dorus pàilliuin a choi’-thionail. 8 Agus uile shaill tairbh na h-ìobairt-pheacaidh bheir e air falbh uaith; an t-saill a ta còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t-saill uile a ta air a’ mhionach, 9 Agus an dà àra, agus an t-saill a ta orra, a tha làimh ris an loch-léin (3), agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h-airnibh bheir e air falbh i, 10 Mar a thugadh air falbh i o tharbh ìobairt nan tabhartas- (1) ordugh, lagh. (2) ann an aineolas. Eabh. (3) a’ bhlian. [TD 174] LEBHITICUS. CAIB. IV. sìth: agus loisgidh an sagart iad air altair na h-ìobairt-loisgte. 11 Agus seiche (1) an tairbh, agus fheoil uile, maille r’a cheann, agus maille r’a chasan, agus a mhionach, agus a ghaorr (2), 12 Eadhon an tarbh gu h-iomlan giùlainidh e mach an taobh a muigh do’n champa gu h-ionad glan, far an dòirtear (3) a mach an luath, agus loisgidh e air an fhiodh e le teine: far an dòirtear a mach an luath, loisgear e. 13 Agus ma pheacaicheas coi’-thional Israeil uile tre aineolas, agus gu bheil an ni folaichte o shùilibh a’ cho’-chruinnich, agus gu’n d’rinn iad ni-eigin (4) ’an aghaidh a h-aon sam bith a dh’àitheantaibh an Tighearna, a thaobh nithe nach bu chòir a dheanamh, agus gu bheil iad ciontach: 14 An uair a bhios am peacadh a pheacaich iad ’na aghaidh aithnichte, ’an sin bheir an co’-chruinneach seachad tarbh òg air son a’ pheacaidh, agus bheir iad e fa chomhair pàilliuin a’ choi’-thionail. 15 Agus cuiridh seanairean a’ choi’-thionail an làmhan air ceann an tairbh ’an làthair an Tighearna: agus marbhar an tarbh ’an làthair an Tighearna. 16 Agus bheir an sagart a chaidh ungadh cuid do fhuil an tairbh gu pàilliun a’ choi’-thionail. 17 Agus tumaidh an sagart a mheur ann an cuid do’n fhuil, agus crathaidh e i seachd uairean ’an làthair an Tighearna, fa chomhair an roinn-bhrait. 18 Agus cuiridh e cuid do’n fhuil air adhaircibh na h-altarach a ta ’m fianuis an Tighearna, a ta ann am pàilliun a’ choi’-thionail, agus dòirtidh e mach an fhuil uile aig bun altarach na h-ìobairt-loisgte, a ta aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 19 Agus bheir e air falbh a shaill uile uaith, agus loisgidh e i air an altair. 20 Agus ni e ris an tarbh mar a rinn e re tarbh na h-ìobairt-pheacaidh, mar sin ni e ris: agus ni an sagart réite air an son, agus bheirear maitheanas dhoibh. 21 Agus bheir e mach an tarbh an taobh a muigh do’n champa, agus loisgidh se e mar a loisg e ’n ceud tarbh: is ìobairt-pheacaidh e air son a’ cho’-chruinnich. 22 ’Nuair a pheacaicheas uachdaran, agus a ni e ni-eigin tre ain-eolas ’an aghaidh a h-aon sam bith a dh’àitheantaibh an Tighearn a Dhé, a thaobh nithe nach bu chòir a dheanamh, agus gu bheil e ciontach: 23 Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, g’a fhios; bheir e leis mar a thabhartas meann do na gabhraibh, beathach firionn gun ghaoid. 24 Agus cuiridh (5) e a làmh air ceann a’ mhinn, agus marbhaidh se e ’san ionad anns am marbh iad an ìobairt-loisgte (6) ann an làthair an Tighearna: is ìobairt-pheacaidh e. 25 Agus gabhaidh an sagart cuid do fhuil na h-ìobairt-pheacaidh le mheur, agus cuiridh e i air adhaircibh altarach na h-ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e mach a fuil aig bun altarach na h-ìobairt-loisgte. 26 Agus loisgidh e a saill uile air an altair, mar a loisgear saill (1) seice, craicionn. (2) aolach. (3) tilgear. (4) ni-’gin. (5) leagaidh. (6) tabhartas-loisgte, ofrail-loisgte. [TD 175] LEBHITICUS. CAIB. V. ìobairt nan tabhartas-sìth: agus ni an sagart réite air a shon a thaobh a pheacaidh, agus mathar dha e. 27 Agus ma pheacaicheas aon neach do shluagh na dùthcha (1) tre aineolas, an uair a ta e deanamh ni-eigin ’an aghaidh a h-aon sam bith a dh’àitheantaibh an Tighearna, a thaobh nithe nach bu chòir a dheanamh, agus gu’m bheil e ciontach: 28 Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, g’a fhios; ’an sin bheir e leis mar a thabhartas meann do na gabhraibh, beathach bainionn gun ghaoid, air son a pheacaidh a pheacaich e. 29 Agus cuiridh e a làmh air ceann na h-ìobairt-pheacaidh, agus marbhaidh e ’n ìobairt-pheacaidh ann an ionad na h-ìobairt-loisgte. 30 Agus gabhaidh an sagart cuid d’a fuil le mheur, agus cuiridh e i air adhaircibh altarach na h-ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e mach a fuil uile aig bun na h-altarach. 31 Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear an t-saill a h-ìobairt nan tabhartas-sìth; agus loisgidh an sagart i air an altair, a chum fàile cùbhraidh do’n Tighearna: agus ni an sagart réite air a shon, agus bheirear maitheanas dha. 32 Agus ma bheir e leis uan mar a thabhartas air son peacaidh, bheir e leis uan bainionn gun ghaoid. 33 Agus cuiridh e a làmh air ceann an tabhartais-pheacaidh (2), agus marbhaidh se e mar ìobairt-pheacaidh ’san ionad anns am marbh iad an ìobairt-loisgte. 34 Agus gabhaidh an sagart cuid do fhuil na h-ìobairt-pheacaidh le mheur, agus cuiridh e i air adhaircibh altarach na h-ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e mach a fuil uile aig bun na h-altarach. 35 Agus bheir e aisde a saill uile mar a bheirear air falbh saill an uain o ìobart nan tabhartas-sìth; agus loisgidh an sagart iad air an altair, a réir nan tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna: agus ni ’n sagart réite air a shon a thaobh a pheacaidh a rinn e, agus mathar e dha. CAIB. V. AGUS ma pheacaicheas anam, agus gu’n cluinn e guth mionnachaidh (3), agus gur fianuis e, a chunnaic no is fiosrach air a’ chùis, mur cuir e ’n céill i, ’an sin giùlainidh e a chionta: 2 No ma bheanas anam re ni sam bith neo-ghlan, ma’s cairbh (4) fiadh-bheathaich neo-ghloin e, no cairbh spréidh neo-ghloin, no cairbh ni neo-ghloin a shnàigeas (5), agus e an-fhiosrach air; bithidh esan mar an ceudna neo-ghlan, agus ciontach: 3 No ma bheanas e re neo-ghloine duine, ge b’e air bith an neo-ghloine leis an salaichear duine, agus gu’m bheil e an-fhiosrach air; an uair is fios da e, ’an sin bithidh e ciontach: 4 No ma mhionnaicheas anam (6), ag ràdh le bhilibh gu’n dean e olc, no gu’n dean e math, ge b’e air bith e a labhras (1) do’n tua’-cheatharn, do’n phobul chumanta. (2) an tabhartais air son peacaidh. (3) guth mionnan. (4) closach. (5) a shnàgas, a chrùbas. (6) ma bheir neach mionnan. [TD 176] LEBHITICUS. CAIB. V. duine le mionnaibh, agus gu bheil e an-fhiosrach air; an uair is fios da e, ’an sin bithidh e ciontach ann an aon diubh sin. 5 Agus tachairidh, ’nuair a bhios e ciontach do aon do na nithibh sin, gu’n aidich (1) e gu’n do pheacaich e ’san ni sin. 6 Agus bheir e leis ìobairt-eusaontais a dh’ionnsuidh an Tighearn air son a pheacaidh a pheacaich e, beathach bainionn o’n treud, uan no meann o na gabhraibh, mar ìobairt-pheacaidh: agus ni an sagart réite air a shon a thaobh a pheacaidh. 7 Agus mur urrainn e uan a thoirt leis, ’an sin bheir e leis air son a choire a rinn e, dà thurtur, no dà choluman òga, dh’ionnsuidh an Tighearna; fear a chum ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile chum ìobairt-loisgte. 8 Agus bheir e iad a dh’ionnsuidh an t-sagairt, agus bheir esan seachad am fear a ta chum na h-ìobairt-pheacaidh air tùs, agus snìomhaidh e cheann o amhaich (2), ach cha sgar e o chéile iad. 9 Agus crathaidh e cuid do fhuil na h-ìobairt-pheacaidh air taobh na h-altarach, agus a’ chuid eile do’n fhuil fàisgear a mach aig bun na h-altarach: is ìobairt-pheacaidh e. 10 Agus bheir e seachad an dara eun mar ìobairt-loisgte, a réir a’ ghnàtha: agus ni an sagart réite air a shon a thaobh a pheacaidh a pheacaich e, agus mathar e dha. 11 Ach mur urrainn e dà thurtur, no dà choluman òga a thoirt leis; ’an sin bheir esan a pheacaich leis mar a thabhartas an deicheamh cuid do ephah do phlùr mìn, mar thabhartas-peacaidh: cha chuir e oladh air, ni mò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas-peacaidh e. 12 ’An sin bheir e chum an t-sagairt e, agus gabhaidh an sagart làn a dhuirn deth, eadhon cuimhneachan deth, agus loisgidh e air an altair e, a réir nan tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna: is tabhartas-peacaidh e. 13 Agus ni an sagart réite air a shon a thaobh a pheacaidh a pheacaich e ann an aon diubh sin, agus mathar e dha: agus bithidh am fuigheall leis an t-sagart, mar thabhartas-bìdh. 14 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 15 Ma ni anam coire, agus gu’m peacaich e tre aineolas ann an nithibh naomha an Tighearna; ’an sin bheir e air son a choire dh’ionnsuidh an Tighearna, reithe gun ghaoid o na treudaibh, a réir do mheas le secelibh airgid, a réir séceil an ionaid naomha, chum ìobairt-eusaontais. 16 Agus air son an lochd a rinn e ’san ni naomha ni e coi’-leasachadh, agus cuiridh e ris an cùigeadh cuid, agus bheir e do’n t-sagart e: agus ni an sagart réite air a shon le reithe na h-ìobairt-eusaontais, agus mathar dha e. 17 Agus ma pheacaicheas anam, agus gu’n dean e h-aon do na nithibh sin a thoirmisgeadh le àitheantaibh an Tighearna bhi air an deanamh; ge nach b’fhios da e, gidheadh a ta e cion- (1) aidmhich. (2) mhuineal. [TD 177] LEBHITICUS. CAIB. VI. tach, agus giùlainidh e aingidheachd (1). 18 Agus bheir e leis reithe gun ghaoid o’n treud, a réir do mheas, chum ìobairt-eusaontais, a dh’ionnsuidh an t-sagairt: agus ni an sagart réite air a shon a thaobh aineolais, leis an deachaidh e air seacharan (2) agus gun fhios aig air; agus mathar dha e. 19 Is ìobairt-eusaontais a th’ann: chiontaich e gu deimhin ’an aghaidh an Tighearna. CAIB. VI. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Ma pheacaicheas anam, agus gu’n dean e eusaontas ’an aghaidh an Tighearna, agus gu’n dean e breug d’a choimhearsnach a thaobh an ni a thugadh dha r’a ghleidheadh, no ann an companas, no thaobh an ni a thugadh air falbh le h-ainneart, no ma mheallas e choimhearsnach; 3 No ma fhuair e an ni sin a chailleadh, agus gu’n dean e breug uime, agus gu’n d’thoir e mionnan eithich (3); ann an aon ni dhiubh sin uile a ni duine, a’ peacachadh annta: 4 ’An sin tachairidh, a chionn gu’n do pheacaich e, agus gu bheil e ciontach, gu’n d’thoir e air ais (4) an ni sin a thug e air falbh le h-ainneart, no an ni sin a fhuair e gu mealltach, no an ni sin a thugadh dha r’a ghleidheadh, no chailleadh agus a fhuair e, 5 No ni sam bith m’an d’thug e mionnan eithich; bheir e air ais e ’san iomlan, agus cuiridh e ’n cùigeadh cuid a thuille ris, agus bheir e dha-san e d’am buin e, ann an là ìobairt-eusaontais. 6 Agus bheir e leis ìobairt-eusaontais chum an Tighearna, reithe gun ghaoid o’n treud, a réir do mheas, mar ìobairt eusaontais, a dh’ionnsuidh an t-sagairt. 7 Agus ni an sagart réite air a shon ’an làthair an Tighearna: agus gheibh e maitheanas a thaobh gach ni dhiubh sin uile a rinn e, a’ ciontachadh annta. 8 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 9 Thoir àithne do Aaron agus d’a mhic, ag ràdh, Is e so lagh na h-ìobairt-loisgte: (Is i ’n ìobairt-loisgte i, air son an losgaidh air an altair air feadh na h-oidhche uile gu madainn, agus bithidh teine na h-altarach a’ losgadh innte) 10 Agus cuiridh an sagart truscan (6) anairt uime, agus cuiridh e briogais anairt air fheoil, agus togaidh e suas an luath a loisg an teine leis an ìobairt-loisgte air an altair, agus cuiridh e i làimh ris an altair. 11 Agus cuiridh e a thruscan dheth, agus cuiridh e truscan eile uime, agus giùlainidh e ’n luath a mach an taobh a muigh do’n champa, gu h-ionad glan. 12 Agus bithidh an teine air an altair a’ losgadh innte, cha chuirear as e: agus loisgidh an sagart fiodh oirre gach madainn, agus cuiridh e an ìobairt-loisgte ann an ordugh oirre, agus loisgidh e oirre saill nan ìobairte-sìth. 13 Bithidh an teine a’ lasadh (1) a chionta, a choire. (2) ’am mearachd. (3) mionnan gu breugach. (4) aisig e. (5) air an d’fhuaradh ciontach e. (6) éididh, eudach, culaidh. [TD 178] LEBHITICUS. CAIB. VI. air an altair ’an còmhnuidh: cha d’théid e idir as. 14 Agus is e so lagh an tabhartais-bhìdh: bheir mic Aaroin e ’an làthair an Tighearna fa chomhair na h-altarach. 15 Agus gabhaidh e làn a dhuirn dheth, do phlùr an tabhartais-bhìdh, agus d’a oladh, agus an tùis uile a ta air an tabhartas-bhidh, agus loisgidh e air an altair e, chum fàile cùbhraidh, eadhon cuimhneachan dheth do’n Tighearna. 16 Agus ithidh Aaron agus a mhic am fuigheall: maille re aran neo-ghoirtichte ithear e ’san ionad naomha; ann an cùirt pàilliuin ’a choi’-thionail ithidh iad e. 17 Cha’n fhuinear e le taois ghoirt: thug mi dhoibh e mar an cuibhrionn do m’ thabhartasaibh air an toirt suas le teine: tha e ro-naomha, mar an ìobairt-pheacaidh, agus mar an ìobairt-eusaontais. 18 Ithidh gach firionnach am measg chloinn Aaroin dheth: bithidh e ’na reachd sìorruidh air feadh bhur ginealacha thaobh tabhartasan an Tighearn air an toirt suas le teine: bithidh gach neach a bheanas riu naomha. 19 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 20 Is e so tabhartas Aaroin, agus a chuid mac, a bheir iad seachad do’n Tighearna, ’san la a dh’ungar e; an deicheamh cuid do ephah do phlùr mìn mar thabhartas-bìdh ’an còmhnuidh (1), a leth ’sa’ mhadainn, agus a leth ’san fheasgar. 21 Ann an aigheann (2) nìthear e le h-oladh, agus an uair a bhios e fuinte, bheir thu stigh e: agus na mìrean fuinte do’n tabhartas-bìdh bheir thu seachad a chum fàile cùbhraidh do’n Tighearna. 22 Agus bheir an sagart d’a mhic, a dh’ungadh ’na àite, seachad e: is reachd sìorruidh e do’n Tighearna; loisgear gu h-iomlan e: 23 Oir loisgear gach tabhartas-bìdh air son an t-sagairt gu h-iomlan: cha’n ithear e. 24 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 25 Labhair re h-Aaron agus r’a mhic, ag ràdh, Is e so lagh na h-ìobairt-pheacaidh: ’san ionad anns am marbhar an ìobairt-loisgte, bithidh an ìobairt-pheacaidh air a marbhadh ’am fianuis an Tighearna: tha i ro-naomha. 26 Ithidh an sagart i, a bheir seachad i air son peacaidh: anns an ionad naomha ithear i, ann an cùirt pàilliuin a’ choi’-thionail. 27 Ge b’e ni a bheanas r’a feoil bithidh e naomha; agus an uair a chrathar a’ bheag d’a fuil air eudach sam bith, nighidh tu an ni air an do chrathadh i anns an ionad naomha. 28 Agus bithidh an soitheach creadha anns an do bhruicheadh i air a bhriseadh; ach ma bhruicheadh i ann an coireadh umha (3), glanar agus nighear (4) e ann an uisge. 29 Ithidh na firionnaich uile am measg nan sagart dhith: tha i ro-naomha. 30 Ach cha’n ithear ìobairt-pheacaidh sam bith, d’an d’thugadh a’ bheag do’n fhuil a steach do phàilliun a’ choi’-thionail a (1) bith-bhuan, daonan. (2) aghann. (3) preis unga. (4) scùrar agus glan-nighear. [TD 179] LEBHITICUS. CAIB. VII. dheanamh réite ’san ionad naomha: loisgear ’san teine i. CAIB. VII. AGUS is e so lagh na h-ìobairt-eusaontais: tha i ro-naomha. 2 Anns an ionad ’sam marbh iad an ìobairt-loisgte, marbhaidh iad an ìobairt-eusaontais: agus crathaidh e a fuil air an altair m’an cuairt. 3 Agus bheir e seachad dhith a saill uile; an t-earball (1) agus an t-saill a ta còmhdachadh a’ mhionaich, 4 Agus an dà ara, agus an t-saill a ta orra, a ta làimh ris an loch-léin, agus an scairt a ta os cionn nan àinean (2); maille ris na h-airnibh, bheir e air falbh i. 5 Agus loisgidh an sagart iad air an altair, mar thabhartas a bheirear suas le teine d’on Tighearna: is ìobairt-eusaontais i. 6 Ithidh gach firionnach am measg nan sagart dhith: ’san ionad naomha ithear i: tha i ro-naomha. 7 Mar an ìobairt-pheacaidh, is amhuil sin an ìobairt-eusaontais: is aon lagh dhoibh; leis an t-sagart a ni réite leatha, bithidh i. 8 Agus an sagart a bheir seachad ìobairt-loisgte duine sam bith, is leis an t-sagart so croicionn na h-ìobairt-loisgte a thug e seachad. 9 Agus buinidh an tabhartas-bìdh uile a dh’fhuinear ann an àmhuinn, agus gach ni a dheasaichear ann an aigheann-ròstaidh, agus ann am méis (3), do’n t-sagart a bheir seachad e. 10 Agus bithidh gach tabhartas-bìdh measgta le h-oladh agus tioram, le mic Aaroin uile, leis gach aon uiread r’a chéile. 11 Agus is e so lagh ìobairt nan tabhartas-sìth a bheir e seachad do’n Tighearna: 12 Ma’s ann mar bhreith-buidheachais a bheir e seachad i, ’an sin bheir e seachad maille ris an ìobairt-bhuidheachais breacagan neo-ghoirtichte measgta le h-oladh, agus dearnagan neo-ghoirtichte ungta le h-oladh, agus breacagan measgta le h-oladh, do phlùr mìn, air a ròstadh. 13 A thuilleadh air na breacagaibh, bheir e seachad mar a thabhartas, aran goirtichte, maille re ìobairt-buidheachais a thabhartasan-sìth. 14 Agus dh’i sin bheir e seachad aon as an tabhartas iomlan, mar thabhartas-togta do’n Tighearna, agus bithidh e leis an t-sagart a chrathas fuil nan tabhartas-sìth. 15 Agus ithear feoil ìobairt a thabhartasan-sìth air son breith buidheachais, ’san là sin féin anns an d’thoirear seachad i: cha ’n fhàg e bheag dhith gu madainn. 16 Ach ma’s bòid no tabhartas deònach ìobairt a thabhartais-san, ’san là sin féin anns d’thoir e seachad ìobairt, ithear i: agus air an là màireach mar an ceudna ithear a fuigheall. 17 Ach loisgear le teine fuigheall feòla na h-ìobairt air an treas là. 18 Agus ma dh’ithear idir a’ bheag do fheoil ìobairt a thabhartasan-sìth air an treas là, cha ghabhar i, ni mò a mheasar i dha-san a bheir seachad i: bi- (1) bun an earbaill. (2) os cionn a’ ghrùthain. (3) aigheann. [TD 180] LEBHITICUS. CAIB. VII. thidh i ’na gràinealachd, agus an t-anam a dh’itheas dhith giùlainidh e aingidheachd. 19 Agus an fheoil a bheanas re ni sam bith neo-ghlan, cha’n ithear i, loisgear i le teine: agus a thaobh na feòla, gach neach a bhios glan, ithidh e dhith. 20 Ach an t-anam a dh’itheas do fheoil ìobairt nan tabhartas-sìth, a bhuineas do’n Tighearna, agus a neo-ghloine air, gearrar eadhon an t-anam sin as o shluagh. 21 Agus an t-anam a bheanas re ni sam bith neo-ghlan, re neo-ghloine duine, no re ainmhidh neo-ghlan, no re gràinealachd neo-ghloin sam bith, agus a dh’itheas do fheoil ìobairt nan tabhartas-sìth a bhuineas do’n Tighearna, sgathar eadhon an t-anam sin as o shluagh (1). 22 Agus labhair an Tighearna re Maois ag ràdh, 23 Labhair re cloinn Israeil, ag ràdh, Saill sam bith daimh, no caorach, no gaibhre, cha ’n ith sibh. 24 Agus feudar saill ainmhidh a gheibh bàs leis féin (2), agus saill an ainmhidh sin a reubar le fiadh-bheathaichibh, a ghnàthachadh gu feum sam bith eile; ach cha’n ith sibh idir dhith: 25 Oir ge b’e dh’itheas saill o’n ainmhidh sin d’an d’thoir daoine seachad ìobairt a loisgear le teine do’n Tighearna, gearrar eadhon an t-anam sin a dh’itheas dhith as o shluagh. 26 Agus cha’n ith sibh gnè sam bith fola, ma’s ann do eunaibh no do ainmhidh, ann an aon air bith d’ar n-àiteachaibh-còmhnuidh. 27 Gach anam a dh’itheas gnè sam bith fola, gearrar eadhon an t-anam sin as o shluagh. 28 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 29 Labhair re cloinn Israeil, ag ràdh, Esan a bheir seachad ìobairt a thabhartasan-sìth do’n Tighearna, bheir e leis a thabhartas a dh’ionnsuidh an Tighearna, do ìobairt a thabhartasan-sìth. 30 Bheir a làmhan féin leo tabhartasan an Tighearn a bheirear suas le teine, an t-saill maille ris an uchd, so bheir e leis, a chum gu’n luaisgear an t-uchd mar thabhartas-luaisgte ’an làthair an Tighearna. 31 Agus loisgidh an sagart an t-saill air an altair: ach bithidh an t-uchd le Aaron agus le mhic. 32 Agus an slinnean deas bheir sibh do’n t-sagart mar thabhartas-togta, do ìobairtibh bhur tabhartasan-sìth. 33 Aige-san do mhic Aaroin a bheir suas fuil nan tabhartas-sìth, agus an t-saill, bithidh an slinnean deas mar a chuibhrionn. 34 Oir ghabh mi an t-uchd luaisgte agus an slinnean togta o chloinn Israeil, do ìobairtibh an tabhartasan-sìth, agus thug mi iad do Aaron an sagart, agus d’a mhic le reachd sìorruidh o mheasg chloinn Israeil. 35 Is e so cuibhrionn ungaidh a chuid mac, do tabhartasaibh an Tighearn a bheirear suas le teine, ’san là anns an d’thug e a làthair iad a fhrithealadh do’n Tighearn ann an dreuchd an t-sagairt: (1) bho na phobul. (2) cairbh. [TD 181] LEBHITICUS. CAIB. VIII. 36 A dh’àithn an Tighearn a thoirt dhoibh o chloinn Israeil, ’san là anns an d’ung e iad, le reachd sìorruidh, air feadh an ginealacha. 37 Is e so lagh na h-ìobairt-loisgte, an tabhartais-bhìdh, agus na h-ìobairt-pheacaidh, agus na h-ìobairt-eusaontais, agus nan coisreagadh, agus ìobairte nan tabhartas-sìth: 38 A dh’àithn an Tighearna do Mhaois ann an sliabh Shinai, ’san là anns an d’àithn e do chloinn Israeil an tabhartasan a thoirt seachad do’n Tighearn ann am fàsach Shinai. CAIB. VIII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Thoir leat Aaron agus a mhic maille ris, agus an truscan (1) naomha, agus an oladh-ungaidh, agus tarbh mar an ìobairt-pheacaidh, agus dà reithe, agus bascaid do aran neo-ghoirtichte. 3 Agus cruinnich an coi’-thional uile ’an ceann a’ chéile gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 4 Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna dha, agus chruinnicheadh an coi’-thional r’a chéile gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 5 Agus thubhairt Maois ris a’ choi’-thional, Is e so an ni a dh’àithn an Tighearn a dheanamh. 6 Agus thug Maois Aaron agus a mhic leis, agus dh’ionnail e iad le h-uisge. 7 Agus chuir e air an còta, agus chriosraich se e leis a’ chrios, agus dh’eudaich se e leis an fhalluing, agus chuir e ’n ephod air, agus chriosraich se e le crios rìomhach na h-ephoid, agus cheangail e ris i leis. 8 Agus chuir e ’n uchd-éididh air; agus chuir e anns an uchd-éididh an Urim agus an Tummim. 9 Agus chuir e ’n crùn-sagairt air a cheann; mar an ceudna air a’ chrùn-sagairt, eadhon air a’ chuid beoil deth chuir e ’n leachd òir, an crùn naomha, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 10 Agus ghabh Maois an oladh-ungaidh, agus dh’ung e ’m pàilliun agus gach ni a bha ann, agus naomhaich e iad. 11 Agus chrath e cuid dhith air an altair seachd uairean, agus dh’ung e ’n altair, agus a soithichean uile, araon (2) an soitheach-ionnlaid agus a chas, a chum an naomhachadh. 12 Agus dhòirt e do’n oladh-ungaidh air ceann Aaroin, agus dh’ung se e, chum a naomhachadh. 13 Agus thug Maois mic Aaroin leis, agus chuir e còtaichean orra, agus chriosraich e iad le criosaibh, agus chuir e boineidean orra, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 14 Agus thug e leis an tarbh air son na h-ìobairt-pheacaidh, agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh air son na h-ìobairt-pheacaidh. 15 Agus mharbh se e, agus ghabh Maois an fhuil, agus chuir e i air adhaircibh na h-altarach m’an cuairt le mheur, agus ghlan e ’n altair; agus dhòirt e ’n fhuil aig bun na h-altarach, (1) éididh. (2) an dà chuid. (3) inneir, aolach. [TD 182] LEBHITICUS. CAIB. VIII. agus naomhaich e i, a dheanamh réite oirre. 16 Agus ghabh e ’n ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an scairt os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an ìgh; agus loisg Maois iad air an altair. 17 Ach an tarbh agus a sheiche, agus fheoil, agus aolach (1), loisg e le teine an taobh a muigh do’n champa, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 18 Agus thug e leis an reithe air son na h-ìobairt-loisgte: agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe. 19 Agus mharbh fe e; agus chrath Maois an fhuil air an altair m’an cuairt. 20 Agus ghearr e ’n reithe ’na mhìribh, agus loisg Maois an ceann agus na mìrean, agus an t-saill. 21 Agus nigh e am mionach agus na casan ann an uisge; agus loisg Maois an reithe uile air an altair: b’ìobairt-loisgte e, chum fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine do’n Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 22 Agus thug e leis an reithe eile, reithe a’ choisreagaidh: agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe. 23 Agus mharbh se e, agus ghabh Maois cuid d’a fhuil, agus chuir e i air bàrr cluaise deise Aaroin, agus air ordaig a làimhe deise, agus air ordaig a choise deise. 24 Agus thug e leis mic Aaroin, agus chuir Maois cuid do’n fhuil air bàrr an cluaise deise, agus air ordaig an làimhe deise, agus air ordaig an coise deise (2): agus chrath Maois an fhuil air an altair m’an cuairt. 25 Agus ghabh e ’n t-saill, agus an t-earball, agus an ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an scairt os cionn nan àinean, agus an dà àra (3) agus an ìgh, agus an slinnean deas. 26 Agus a bascaid an arain neo-ghoirtichte, a bha ’n làthair an Tighearna, ghabh e aon bhreacag neo-ghoirtichte, agus aon bhreacag do aran le h-oladh, agus aon dearnagan (4), agus chuir e iad air an t-saill, agus air an t-slinnean deas. 27 Agus chuir e ’n t-iomlan air làmhan Aaroin, agus air làmhan a chuid mac (5), agus luaisg e iad mar thabhartas-luaisgte ’an làthair an Tighearna. 28 Agus ghabh Maois iad bhàrr an làmh, agus loisg e iad air an altair os cionn na h-ìobairt-loisgte; bu tabhartas-coisreagaidh iad a chum fàile cùbhraidh: tabhartas air a thoirt suas le teine do’n Tighearna. 29 Agus ghabh Maois an t-uchd, agus luaisg se e mar thabhartas-luaisgte ’an làthair an Tighearna: b’e cuibhrionn Mhaois e do reithe a’ choisreagaidh; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 30 Agus ghabh Maois cuid do’n oladh-ungaidh, agus do’n fhuil a bha air an altair, agus chrath e air Aaron i, air éididh, agus air a mhic, agus air éididh a mhac maille ris: agus naomhaich a Aaron, agus éididh, (1) inneir, a ghaorr. (2) air ordagaibh an làmha deasa, agus air ordagaibh an cosa deasa. (3) an dà àrainn. (4) abhlan; wafer. Sasg. (5) air làmhan a mhac. [TD 183] LEBHITICUS. CAIB. IX. agus a mhic, agus éididh a mhac maille ris. 31 Agus thubhairt Maois re h-Aaron, agus r’a mhic, Bruichibh an fheoil aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail: agus ann an sin ithibh i leis an aran a ta ann am bascaid a’ choisreagaidh (1), mar a dh’àithn mise, ag ràdh, Ithidh Aaron agus a mhic i. 32 Agus an ni sin a dh’fhàgar do’n fheoil agus do’n aran, loisgidh sibh le teine. 33 Agus air dorus pàilliuin a’ choi’-thionail cha d’théid sibh a mach rè sheachd laithean, gus am bi laithean bhur coisreagaidh air an crìochnachadh (2): oir rè sheachd laithean coisrigidh e sibh. 34 Mar a rinn e ’n diugh, mar sin dh’àithn an Tighearna bhi deanta, dheanamh réite air bhur son. 35 Uime sin aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail fanaidh sibh a là agus a dh’oidhche, rè sheachd laithean, agus coimhididh (3) sibh freasdal (4) an Tighearna, chum nach faigh sibh bàs: oir is ann mar sin a thugadh àithne dhomhsa. 36 Agus rinn Aaron agus a mhic na h-uile nithe dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois. CAIB. IX. AGUS air an ochdamh là ghairm Maois air Aaron agus air a mhic, agus air seanairean Israeil; 2 Agus thubhairt e re h-Aaron, Gabh dhuit féin laogh òg chum ìobairt-pheacaidh, agus reithe chum ìobairt-loisgte, gun ghaoid, agus thoir seachad iad ’an làthair an Tighearna. 3 Agus labhraidh tu re cloinn Israeil, ag ràdh, Gabhaibhsa meann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh; agus laogh, agus uan, le chéile do’n cheud bhliadhna (5), gun ghaoid, a chum ìobairt-loisgte; 4 Mar an ceudna tarbh agus reithe, mar thabhartasan-sìth, a chum an ìobradh ’an làthair an Tighearna; agus tabhartas-bìdh measgta le h-oladh: oir an diugh foillsichidh an Tighearn e féin dhuibh. 5 Agus thug iad an ni sin a dh’àithn Maois gu beulaobh pàilliuin a’ choi’-thionail: agus thàinig an coi’-thional uile ’m fagus, agus sheas iad ’an làthair an Tighearna. 6 Agus thubhairt Maois, Is e so an ni a dh’àithn an Tighearna gu’n deanadh sibh: agus foillsichear glòir an Tighearna dhuibh. 7 Agus thubhairt Maois re h-Aaron, Imich a dh’ionnsuidh na h-altarach, agus ìobair t’ìobairt-pheacaidh, agus t’ìobairt-loisgte, agus dean réite air do shon féin agus air son an t-sluaigh: agus thoir suas tabhartas an t-sluaigh, agus dean réite air an son, mar a dh’àithn an Tighearna. 8 Chaidh Aaron uime sin a dh’ionnsuidh na h-altarach, agus mharbh e laogh na h-ìobairt-pheacaidh, a bha air a shon féin. 9 Agus thug mic Aaroin an fhuil d’a ionnsuidh: agus thum (6) e mheur ’san fhuil, agus chuir e (1) nan nithe coisrigte. (2) gus an là anns an crìochnaich laithean bhur coisreagaidh. Eabh. (3) gleidhidh. (4) cùram, ordugh. (5) bliadhna dh’aois. (6) thom, bhog. [TD 184] LEBHITICUS. CAIB. X. air adhaircibh na h-altarach i, agus dhòirt e mach an fhuil aig bun na h-altarach. 10 Ach an t-saill agus na h-airnean, agus an scairt os cionn àinean na h-ìobairt-pheacaidh, loisg e air an altair, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 11 Agus an fheoil agus an t-seiche loisg e le teine, an taobh a muigh do’n champa. 12 Agus mharbh e ’n ìobairt-loisgte; agus thug mic Aaroin an fhuil d’a ionnsuidh, agus chrath e i air an altair m’an cuairt. 13 Agus thug iad an ìobairt-loisgte d’a ionnsuidh, maille r’a mìribh, agus an ceann: agus loisg e iad air an altair. 14 Agus nigh e am mionach agus na casan, agus loisg e iad air an ìobairt-loisgte air an altair. 15 Agus thug e leis tabhartas an t-sluaigh, agus ghabh e meann na h-ìobairt-pheacaidh (1) a bha air son an t-sluaigh, agus mharbh se e, agus thug e suas e air son peacaidh, mar a’ cheud ìobairt. 16 Agus thug e leis an ìobairt-loisgte, agus dh’ìobair e i do réir a’ ghnàtha (2). 17 Agus thug e leis an tabhartas-bìdh, agus lìon e dhorn as, agus loisg e air an altair e, a thuilleadh air ìobairt-loisgte na maidne. 18 Mharbh e mar an ceudna an tarbh, agus an reithe, mar ìobairt nan tabhartasan-sìth, a bha air son an t-sluaigh; agus thug mic Aaroin d’a ionnsuidh an fhuil, agus chrath e i air an altair m’an cuairt. 19 Agus saill an tairbh agus earball an reithe, agus an ni sin a ta còmhdachadh a’ mhionaich, agus na h-airnean, agus an scairt os cionn nan àinean. 20 Agus chuir iad an t-saill air na h-uchdaibh, agus loisg e ’n t-saill air an altair. 21 Agus na h-uchdan agus an slinnean deas luaisg Aaron mar thabhartas-luaisgte ’an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn Maois. 22 Agus thog Aaron suas a làmha chum an t-sluaigh, agus bheannaich e iad; agus thàinig e nuas o ìobradh na h-ìobairt-pheacaidh, agus na h-ìobairt-loisgte, agus nan ìobairtean-sìth. 23 Agus chaidh Maois agus Aaron a steach do phàilliun a’ choi’-thionail, agus thàinig iad a mach, agus bheannaich iad an sluagh: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna do’n t-sluagh uile. 24 Agus thàinig teine a mach o làthair an Tighearna, agus loisg e air an altair an ìobairt-loisgte, agus an t-saill: agus chunnaic an sluagh uile e, agus rinn iad gàir, agus thuit iad air an aghaidh. CAIB. X. AGUS ghabh Nadab agus Abihu, mic Aaroin, gach fear diubh a thùiseir (3), agus chuir iad teine ann, agus chuir iad tùis air, agus thug iad suas am fianuis an Tighearna teine coimheach, nach d’àithn e dhoibh. (1) a’ ghabhar a bha ’na h-ìobairt-pheacaidh. (2) a réir an orduigh, mar bu chòir. (3) a shoitheach-tùis. [TD 185] LEBHITICUS. CAIB. X. 2 Agus chaidh teine mach o làthair an Tighearna, agus loisg e suas (1) iad, agus fhuair iad bàs ’an làthair an Tighearna. 3 ’An sin thubhairt Maois re h-Aaron, Is e so an ni a labhair an Tighearn, ag ràdh, Annta-san a thig am fagus dhomh naomhaichear mise, agus ’an làthair an t-sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron ’na thosd. 4 Agus ghairm Maois air Misael agus air Elsaphan, mic Udsiel bràthar athar Aaroin, agus thubhairt e riu, Thigibh am fagus, giùlainibh bhur bràithre o fhianuis an ionaid naomha mach as a’ champa. 5 Agus chaidh iad am fagus, agus ghiùlain iad ’nan còtaichibh iad a mach as a’ champa, mar a thubhairt Maois. 6 Agus thubhairt Maois re h-Aaron, agus re h-Eleasar, agus re h-Itamar a mhic, Na rùisgibh bhur cinn, agus na reubaibh bhur n-eudach, an t-eagal gu’m faigh sibh bàs, agus an t-eagal gu’n d’thig fearg air an t-sluagh uile; ach deanadh bhur bràithre, tigh Israeil uile, tuireadh (2) air son an losgaidh a las an Tighearna. 7 Agus cha d’théid sibh a mach air dorus pàilliuin a choi’-thionail, an t-eagal gu’m faigh sibh bàs: oir a ta oladh-ungaidh an Tighearn oirbh. Agus rinn iad a réir focail Mhaois. 8 Agus labhair an Tighearna re h-Aaron, ag ràdh, 9 Na h-òl fìon no deoch làidir (3), thu féin, no do mhic maille riut, an uair a théid sibh a steach do phàilliun a’ choi’-thionail, an t-eagal gu’m faigh sibh bàs: bithidh e ’na reachd bith-bhuan air feadh bhur ginealacha: 10 Agus a chum gu’n cuir sibh eadar-dhealachadh eadar naomha agus mi-naomha, agus eadar neo-ghlan agus glan: 11 Agus a chum gu’n teagaisg sibh do chloinn Israeil na h-orduighean (4) uile a labhair an Tighearna riu le làimh Mhaois. 12 Agus labhair Maois re h-Aaron, agus re h-Eleasar, agus re h-Itamar, a mhic a dh’fhan beo, Gabhaibh an tabhartas-bìdh a dh’fhàgadh do thabhartasaibh an Tighearn air an toirt suas le teine, agus ithibh e gun ghoirteachadh làimh ris an altair: oir a ta e ro-naomha. 13 Agus ithidh sibh e ’san ionad naomha, a chionn gur e do dhlighe e (5), agus dlighe do mhac, do thabhartasaibh an Tighearn air an toirt suas le teine: oir is ann mar sin a dh’àithneadh dhomhsa. 14 Agus an t-uchd luaisgte agus an slinnean togta ithidh sibh ann an ionad glan; thu féin, agus do mhic, agus do nigheana maille riut: oir is iad do dhlighe iad, agus dlighe do mhac, a thugadh dhoibh a ìobairtibh tabhartasan-sìth chloinn Israeil. 15 An slinnean togta, agus an t-uchd luaisgte, maille ris na tabhartasaibh air an toirt suas le teine do’n t-saill, bheir iad leo gus a luasgadh mar thabhartas-luaisgte ’an làthair an Tighearna; agus is leats’ e, agus le d’ mhic maille riut, le reachd bith-bhuan, mar a dh’àithn an Tighearna. (1) dh’ith e suas, Eabh. (2) caoidh. (3) làdair. (4) stàtuis. (5) chòir. [TD 186] LEBHITICUS. CAIB. XI. 16 Agus dh’iarr Maois gu dìchiollach meann na h-ìobairt-pheacaidh, agus feuch, loisgeadh e: agus bha fearg aige re h-Eleasar agus re h-Itamar, mic Aaroin, a dh’fhàgadh beo, ag ràdh, 17 C’ar son nach d’ith sibh an ìobairt-pheacaidh ’san ionad naomha, do bhrì’ gu bheil i ro-naomha, agus thug Dia dhuibh i a ghiùlan aingidheachd a’ choi’-thionail, a dheanamh réite air an son ’am fianuis an Tighearna? 18 Feuch, cha d’thugadh a fuil a steach an taobh a stigh do’n ionad naomha: bu chòir dhuibh gu deimhin a h-itheadh ’san ionad naomha, mar a dh’àithn mise. 19 Agus thubhairt Aaron re Maois, Feuch, an diugh thug iad suas an ìobairt-pheacaidh, agus an ìobairt-loisgte ’an làthair an Tighearna; agus thachair an leithidean sin no nithibh dhomhsa; agus nam bithinn air itheadh na h-ìobairt-pheacaidh an diugh, an gabhta ria ’an làthair an Tighearna? 20 Agus an uair a chuala Maois sin, bha e toilichte. CAIB. XI. AGUS labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, ag ràdh riu, 2 Labhraibh re cloinn Israeil, ag ràdh, Is iad so na beathaichean a dh’itheas sibh do na h-uile ainmhidhibh a ta air an talamh. 3 Gach aon a roinneas an ionga (1), agus a sgoilteas an ladhar (2), agus a chnàmhas (3) a’ chìr am measg nan ainmhidhean, sin ithidh sibh. 4 Ach iad so cha’n ith sibh, dhiubhsan a chnàmhas a’ chìr, no dhiubhsan a roinneas an ionga: mar an càmhal, a chionn ge do chnàmh e a’ chìr, nach roinn e ’n ionga (4); neo-ghlan tha e dhuibh. 5 Agus an coinean, a chionn ge do chnàmh e a’ chìr, nach roinn e ’n ionga; neo-ghlan tha e dhuibh. 6 Agus a’ mhaigheach (5), a chionn ge do chnàmh i a’ chìr, nach roinn i ’n ionga; neo-ghlan tha i dhuibh. 7 Agus a’ mhuc, a chionn ge do roinn i ’n ionga, agus ge do sgoilt i an ladhar, gidheadh nach cnàmh i a’ chìr; neo-ghlan tha i dhuibh. 8 D’am feoil cha’n ith sibh, agus r’an cairbh (6) cha bhean sibh: neo-ghlan tha iad dhuibh. 9 Iad so ithidh sibh, dhiubhsan uile a ta ’sna h-uisgeachaibh: gach ni air am bheil itean (7) agus lannan anns na h-uisgeachaibh, anns na cuantaibh (8), agus anns na h-aibhnichibh, iad sin ithidh sibh. 10 Agus gach ni air nach ’eil itean no lannan anns na cuantaibh, agus anns na h-aibhnichibh, do gach ni a ghluaiseas ’sna h-uisgeachaibh, agus do gach ni beo, a ta ’sna h-uisgeachaibh; ’nan gràineileachd bithidh iad dhuibh: (1) crodhan. (2) a sgoilteas sgoltadh nan iongan. Eabh. (3) chagnas. Eir. (4) a chionn gu’n cnàmh e a’ chìr, ach nach roinn e ’n ionga. (5) a’ mhoigheach, an gearr-fhiadh. (6) closach, conablach, corp marbh. (7) sgiathan; eiteach. Eir. (8) fairgibh. (9) anam beo. Eahb. (10) eunlaith. [TD 187] LEBHITICUS. CAIB. XI. 11 Eadhon ’nan gràineileachd bithidh iad dhuibh: d’am feoil cha’n ith sibh, agus d’an cairbh gabhaidh sibh gràin. 12 Gach ni air nach ’eil itean no lannan anns na h-uisgeachaibh, ’na ghràineileachd bithidh sin duibh. 13 Agus dhiubh so gabhaidh sibh gràin am measg nan eun (1), cha’n ithear iad, ’nan gràineileachd tha iad: an iolair (2), agus an cnàimh-bhristeach (3), agus an iolair-uisge (4), 14 Agus am fang (5), agus an clamhan (6) a réir a ghnè, 15 Gach fitheach a réir a ghnè; 16 Agus a’ chailleach-oidhche (7), agus an t-seabhag-oidhche (8), agus a’ chuach (9), agus an t-seabhag (10) a réir a gnè, 17 Agus a’ chailleach-oidhche bheag (11), agus an scarbh (12), agus a’ chailleach-oidhche mhòr (13), 18 Agus an eala (14), agus am pelican, agus an iolair-fhionn (15), 19 Agus a’ chorra-bhàn, agus a’ chorra-ghlas (16) a réir a gnè, agus an t-adharcan-luachrach (17), agus an ialtag. 20 Bithidh gach ni snàigeach a dh’itealaicheas (18), agus a dh’imicheas air cheithir chasan, ’na ghràineileachd dhuibh. 21 Ach iad so feudaidh sibh itheadh, do gach ni snàigeach (19) a dh’itealaicheas, agus a dh’imicheas air cheithir chasan, aig am bheil luirgeannan os cionn a throidhean (20), gu leum leo air an talamh. 22 Eadhon iad so dhiubh feudaidh sibh itheadh: an locust a réir a ghnè, agus an locust maol a réir a ghnè, agus an daol (21) a réir a ghnè, agus an leumnach-uaine (22) a réir a ghnè. 23 Ach bithidh gach ni eile snàigeach a dh’itealaicheas, aig am bheil ceithir chasan, ’na ghràineileachd dhuibh. 24 Agus air an son sin bithidh sibh neo-ghlan: gach neach a bheanas r’an cairbh, bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 25 Agus ge b’e air bith a ghiùlaineas a’ bheag d’an cairbh, nighidh e eudach, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 26 Bithidh cairbh gach ainmhidh a roinneas an ionga, agus nach sgoilt an ladhar, agus nach cnàmh a’ chìr, neo-ghlan dhuibh: gach neach a bheanas riu, bithidh e neo-ghlan. 27 Agus ge b’e air bith a dh’imicheas air a mhàgaibh am measg nan uile bheathaichean a dh’imicheas air ceithir chasan, bithidh e neo-ghlan dhuibh; gach neach a bheanas r’an cairbh, bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 28 Agus esan a ghiùlaineas an cairbh, nighidh e eudach, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar; neo-ghlan tha iad dhuibh. (1) eunlaith. (2) am fìreun. (3) iolair mhòr na mara; ossifrage. Sasg. peres. Eabh. (4) an t-iasgair cairneach; ghadsniah. Eabh. (5) preachan ingneach, preachan criosach. Eir. vulture. Sasg. doah. Eabh. (6) kite. Sasg. aiah. Eabh. (7) a’ chomhachag. (8) tachmas. Eabh. (9) a chuthag; shachaph. Eabh. (10) an seobhag. (11) coos. Eabh. (12) shalach. Eabh. (13) ianshuph. Eabh. (14) tinshemeth. Eabh. (15) iolair-thimchiollach; gier-eagle. Sasg. racham. Eabh. (16) a’ chùrr; anapah. Eabh. (17) upupa; ducipath. Eabh. (18) gach creutair sgiathach a ghluaiseas. (19) snàigheach. Eir. (20) throighean, spàgan. (21) salegham. Eabh. (22) am fionnan feoir; chagab. Eabh. [TD 188] LEBHITICUS. CAIB. XI. 29 Agus bithidh iad so neo-ghlan duibh am measg nan nithe snàigeach a shnàigeas air an talamh: an eas (1), agus an luch, agus an crocodeil (2) a réir a ghnè, 30 Agus am firead (3), agus an cameleon (4), agus an arc-luachrach (5), agus an t-seilcheag (6), agus am famh (7). 31 Tha iad sin neo-ghlan duibh ’nam measg-san uile a shnàigeas: gach neach a bheanas riu ’nuair a bhios iad marbh, bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 32 Agus gach ni air an tuit a h-aon diubh ’nuair a bhios e marbh, bithidh e neo-ghlan, co dhiubh is soitheach fiodha sam bith e, no eudach, no croicionn, no sac: feumaidh gach soitheach anns an deanar obair sam bith, a bhi air a chur ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar: ’an sin bithidh e glan. 33 Agus a thaobh gach soithich creadha, anns an tuit a h-aon diubh, bithidh gach ni a ta ann neo-ghlan; agus brisidh sibh e. 34 Do gach uile bhiadh a dh’ithear, bithidh am biadh sin air an d’thig uisge, neo-ghlan; agus bithidh gach deoch a dh’òlar ann an soitheach sam bith, neo-ghlan. 35 Agus bithidh gach ni air an tuit a’ bheag d’an cairbh, neo-ghlan; ma’ s àmhuinn e, no coireacha (8), brisear sìos iad: neo-ghlan tha iad, agus neo-ghlan bithidh iad dhuibh. 36 Gidheadh bithidh fuaran no tobar (9) anns am bi pailteas uisge, glan: ach bithidh an ni sin a bheanas r’an cairbh, neo-ghlan. 37 Agus ma thuiteas a’ bheag d’an cairbh air sìol-cuir sam bith, a bhios re chur, bithidh e glan. 38 Ach ma chuirear uisge sam bith air an t-sìol, agus gu’n tuit a’ bheag d’an cairbh air, neo-ghlan bithidh e dhuibh. 39 Agus ma bhàsaicheas ainmhidh sam bith d’am feud sibh itheadh, bithidh esan a bheanas r’a chairbh neo-ghlan gu feasgar. 40 Agus esan a dh’itheas d’a chairbh, nighidh e eudach, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar: esan mar an ceudna a ghiùlaineas a chairbh, nighidh e eudach, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 41 Agus bithidh gach ni snàigeach a shnàigeas air an talamh, ’na ghràineileachd: cha’n ithear e. 42 Gach ni a dh’imicheas air a’ bhroinn, agus gach ni a dh’imicheas air cheithir chasan, no ge b’e air bith aig am bheil tuille chasan am measg nan uile nithe snàigeach a shnàigeas air an talamh; cha’n ith sibh iad, oir is gràineileachd iad. 43 Cha dean sibh sibh féin gràineil le ni snàigeach sam bith a shnàigeas, cha mhò ni sibh sibh féin neo-ghlan leo, air chor as gu’n truaillear sibh leo. 44 Oir is mise an Tighearna bhur Dia: naomhaichidh sibh air an aobhar sin sibh féin, agus (1) an nas, an easog; choled. Eabh. (2) uilebheist an fhàsaich; land-crocodile. Sasg. tzab. Eabh. (3) ferret. Sasg. anakah. Eabh. (4) coach. Eabh. (5) letaah. Eabh. (6) chomet. Eabh. (7) tinshameth Eabh. (8) àitean air son phoitean no phreisean. (9) tiobar, slochd. [TD 189] LEBHITICUS. CAIB. XII. XIII. bithidh sibh naomha; oir a ta mise naomha: agus cha truaill sibh sibh féin (1) le ni snàigeach sam bith a shnàigeas air an talamh. 45 Oir is mise an Tighearn a thug sibhse a mach a talamh na h-Eiphit gu bhi ’m Dhia agaibh: bithidh sibhse uime sin naomha, oir a ta mise naomha. 46 Is e so lagh nan ainmhidhean, agus nan eun, agus gach dùil (2) bheo a ghluaiseas anns na h-uisgeachaibh, agus gach dùil a shnàigeas air an talamh: 47 A chur dealachaidh eadar an neo-ghlan agus an glan, agus eadar am beathach a dh’fheudar itheadh, agus am beathach nach feudar itheadh. CAIB. XII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, ag ràdh, Ma dh’fhàsas bean torrach, agus gu’m beir i mac; ’an sin bithidh i neo-ghlan seachd laithean: a réir laithean a dealachaidh air son a h-anfhainneachd (3) bithidh i neo-ghlan. 3 Agus air an ochdamh là timchioll-ghearrar feoil a roimh-chroicinn. 4 Agus fanaidh i ’an sin tri laithe deug ’ar fhichead ann am fuil a glanaidh; cha bhean i re ni naomha sam bith, agus cha d’thig i steach do’n ionad naomha, gus an coi’-lionar laithean a glanaidh. 5 Ach ma bheireas i leanabh nighinn, ’an sin bithidh i neo-ghlan dà sheachduin, mar ’na dealachadh: agus fanaidh i ann am fuil a glanaidh tri fichead agus sè laithean. 6 Agus an uair a choi’-lionar laithean a glanaidh air son mic, no air son nighinn; bheir i uan do’n cheud bhliadhna chum ìobairt-loisgte, no columan òg, no eun turtuir chum ìobairt-pheacaidh, gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail, dh’ionnsuidh an t-sagairt: 7 Agus bheir a seachad e ’an làthair an Tighearna, agus ni e réite air a son, agus glanar i o ruidh (4) a fola. Is e so an lagh air a son-sa a bheireas mac no nighean. 8 Agus mur urrainn i uan a thoirt leatha, ’an sin bheir i leatha dà thurtur, no dà choluman òga; fear dhiubh chum ìobairt-loisgte, agus am fear eile chum ìobairt-pheacaidh; agus ni an sagart réite air a son, agus bithidh i glan. CAIB XIII. AGUS labhair an Tighearna re Maois agus re h-Aaron, ag ràdh, 2 ’Nuair a bhios aig duine ann an croicionn fheòla, atadh, no guirein (5), no ball (6) soilleir, agus gu’m bi e ann an croicionn fheòla cosmhuil re plàigh luibhre; ’an sin bheirear e gu h-Aaron an sagart, no gu h-aon d’a mhic na sagartan. 3 Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh ann an croicionn fheòla: agus an uair a bhios am fionnadh ’sa’ phlàigh air tionndadh (7) gu bàn, agus a bhios a’ phlàigh r’a faicinn ni’s doimhne na croicionn fheòla; is plàigh (1) bhur n-anmanna. Eabh. (2) creutair. (3) laigse. (4) ruith, dhòrtadh. (5) scab. (6) leus. (7) iompochadh, atharrachadh, caochladh. [TD 190] LEBHITICUS. CAIB. XIII. luibhre a bhios ann: agus amhaircidh an sagart air, agus gairmidh e (1) neo-ghlan e. 4 Ach ma tha ’m ball soilleir ann an croicionn fheòla bàn, agus gun e bhi r’a fhaicinn ni’s doimhne na ’n croicionn, agus gun fhionnadh bhi air tionndadh gu bàn; ’an sin druididh an sagart a stigh esan air am bheil a’ phlàigh seachd laithean. 5 Agus amhaircidh an sagairt air, air an t-seachdamh là: agus feuch, ma tha phlàigh ’na shealladh air stad, agus gun a’ phlàigh bhi sgaoileadh ’sa’ chroicionn; ’an sin druididh an sagart a stigh e seachd laithean eile. 6 Agus amhaircidh an sagart air a rìs air an t-seachdamh là, agus feuch, ma bhios a’ phlàigh càil-eigin (2) dorcha, agus nach ’eil a’ phlàigh air sgaoileadh ’sa’ chroicionn, gairmidh an sagairt glan e: cha’n’eil ann ach guirein; agus nighidh e eudach, agus bithidh e glan. 7 Ach ma sgaoil an guirein gu mòr a mach ’sa’ chroicionn, ’an déigh dha bhi air fhaicinn leis an t-sagart a chum a ghlanaidh; chìthear e rìs leis an t-sagart. 8 Agus amhaircidh an sagart air, agus feuch, ma tha ’n guirein air sgaoileadh ’sa’ chroicionn, ’an sin gairmidh an sagart e neo-ghlan: is luibhre a th’ann. 9 An uair a bhios plàigh luibhre air duine, ’an sin bheirear e chum an t-sagairt: 10 Agus amhaircidh an sagart air: agus feuch, ma tha atadh bàn ’sa’ chroicionn, agus gu’n do thionndaidh e ’m fionnadh gu bàn, agus gu’m bheil feoil bheo dhearg ’san atadh; 11 Is seann luibhre a th’ann, ann an croicionn fheòla, agus gairmidh an sagart e neo-ghlan, agus cha druid e stigh e, oir tha e neo-ghlan. 12 Agus ma bhriseas luibhre gu mòr a mach ’sa’ chroicionn, agus gu’n còmhdaich (3) an luibhre croicionn an neach air am bheil a’ phlàigh uile o cheann gu throidh, ge b’e ball air an amhairc an sagart; 13 ’An sin bheir an sagart fa’near: agus feuch, ma chòmhdaich an luibhre fheoil uile, gairmidh e esan glan air am bheil a’ phlàigh: thionndadhadh e uile gu bàn; tha e glan. 14 Ach an uair a bhios feoil dhearg r’a faicinn air, bithidh e neo-ghlan. 15 Agus amhaircidh an sagart air an fheoil dhearg, agus gairmidh e neo-ghlan e; oir tha ’n fheoil dhearg neo-ghlan: is luibhre a th’ ann. 16 Ach ma thig an fheoil dhearg air ais a rìs, agus gu’n tionndadhar gu bàn i, thig e chum an t-sagairt, 17 Agus amhaircidh an sagart air: agus feuch, ma tha phlàigh air tionndadh gu bàn, ’an sin gairmidh an sagart esan glan air am bheil a’ phlàigh: tha e glan. 18 An fheoil mar an ceudna anns an robh, eadhon ’na croicionn, neascaid, agus a leighiseadh, 19 Agus aig am bheil ann an aite na neascaid atadh bàn, no ball soilleir bàn, càil-eigin dearg, nochdar (4) do’n t-sagart e; (1) cuiridh e ’n céill. (2) ni-eigin, raod-eigin. (3) cuibhrig, folaich. (4) feuchar, taisbeanar. [TD 191] LEBHITICUS. CAIB. XIII. 20 Agus ma ’se ’nuair a chi an sagart e, feuch, gu’m bheil e r’a fhaicinn ni’s doimhne na’n croicionn, agus fhionnadh air a thionndadh gu bàn; gairmidh an sagart neo-ghlan e: is plàigh luibhre a th’ann air briseadh a mach anns an neascaid. 21 Ach ma dh’amhairceas an sagart air, agus feuch, nach ’eil fionnadh bàn air bith ann, agus gun e ni’s doimhne na’n croicionn, ach càil-eigin dorcha; ’an sin druididh an sagart a stigh e seachd laithean. 22 Agus ma tha e air sgaoileadh a mach gu mòr ’sa’ chroicionn, ’an sin gairmidh an sagart e neo-ghlan; is plàigh a th’ann. 23 Ach ma tha ’m ball soilleir air stad ’na àite, gun e air sgaoileadh, is neascaid loisgeach a th’ann; agus gairmidh an sagart glan e. 24 No ma bhios feoil air bith ann, aig am bheil ’na croicionn losgadh teth, agus gu’m bi anns an fheoil bheo a ta losgadh ball bàn soilleir, càil-eigin dearg, no bàn; 25 ’An sin amhaircidh an sagart air; agus feuch, ma tha ’m fionnadh anns a’ bhall shoilleir air tionndadh gu bàn, agus e r’a fhaicinn ni’s doimhne na’n croicionn; is luibhre a th’ann air briseadh a mach anns an losgadh: uime sin gairmidh an sagart neo-ghlan e; is plàigh luibhre a th’ann. 26 Ach ma dh’amhairceas an sagart air, agus feuch nach ’eil fionnadh bàn air bith air a’ bhall shoilleir, agus nach ’eil e ni’s doimhne na’n croicionn eile, ach gu bheil e càil-eigin dorcha; ’an sin druididh an sagart a stigh e seachd laithean. 27 Agus amhaircidh an sagart air air an t-seachdamh là: agus ma tha e air sgaoileadh a mach gu mòr ’sa’ chroicionn, ’an sin gairmidh an sagart neo-ghlan e; is plàigh luibhre a th’ann. 28 Agus ma tha ’m ball soilleir air stad ’na àite, gun e air sgaoileadh ’sa’ chroicionn, ach e càil-eigin dorcha; is atadh o’n losgadh a th’ann, agus gairmidh an sagart glan e; oir is leannachadh (1) a th’ann o’n losgadh. 29 Ma tha aig duine no mnaoi plàigh air a’ cheann, no air an fheusaig; 30 ’An sin amhaircidh an sagart air a’ phlàigh; agus feuch, ma tha i r’a faicinn ni’s doimhne na ’n croicionn, agus fionnadh tana buidhe innte; ’an sin gairmidh an sagart neo-ghlan e: is càrr thioram a th’ann, eadhon luibhre air a’ cheann, no air an fheusaig. 31 Agus ma dh’amhairceas an sagart air plàigh na carra, agus feuch, nach ’eil i r’a faicinn ni’s doimhne na ’n croicionn, agus nach ’eil fionnadh dubh sam bith innte; ’an sin druididh an sagart a stigh esan air am bheil plàigh na carra, seachd laithean. 32 Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh air an t-seachdamh là, agus feuch, mur ’eil a’ chàrr air sgaoileadh, agus nach ’eil fionnadh buidhe sam bith innte, agus nach ’eil a’ chàrr r’a faicinn ni’s doimhne na’n croicionn; 33 ’An sin bearrar (2) e, ach a’ (1) feargachadh, lasadh, teas. (2) lomar. [TD 192] LEBHITICUS. CAIB. XIII. chàrr cha bhearr e: agus druididh an sagart a stigh esan air am bheil a’ chàrr, seachd laithean eile. 34 Agus air an t-seachdamh là amhaircidh an sagart air a’ chàrr: agus feuch, mur ’eil a’ chàrr air sgaoileadh ’sa’ chroicionn, no r’a faicinn ni’s doimhne na’n croicionn; ’an sin gairmidh an sagart glan e: agus nighidh e eudach, agus bithidh e glan. 35 Ach ma tha chàrr air sgaoileadh gu mòr ’sa’ chroicionn ’an déigh (1) a ghlanaidh; 36 ’An sin amhaircidh an sagart air, agus feuch, ma tha chàrr air sgaoileadh ’sa’ chroicionn, cha ’n iarr an sagart fionna buidhe: tha e neo-ghlan. 37 Ach ma tha chàrr ’na shealladh air stad, agus ma tha fionna dubh air fàs suas innte; leighiseadh (2) a’ chàrr, tha e glan: agus gairmidh an sagart glan e. 38 Ma bhios mar an ceudna aig duine no aig mnaoi ann an croicionn am feòla buill shoilleir, eadhon buill bhàna shoilleir; 39 ’An sin amhaircidh an sagart: agus feuch, ma tha na buill shoilleir ann an croicionn am feòla odhar-bhàn (3), is leus (4) teas e air fàs ’sa’ chroicionn: tha e glan. 40 Agus an duine aig am bheil a cheann air faileadh, tha e maol: gidheadh tha e glan. 41 Agus esan aig am bheil fhalt air faileadh do’n chuid sin d’a cheann tha leth r’a eudan, tha e maol-bhathaiseach: gidheadh tha e glan. 42 Agus ma tha ’na cheann maol, no ’na bhathais mhaoil creuchd bhàn càil-eigin dearg; is luibhre a th’ann air fàs suas ’na cheann maol, no ’na bhathais mhaoil. 43 ’An sin amhaircidh an sagart air; agus feuch, ma tha atadh na creuchda bàn-dearg ’na mhaol cheann, no ’na mhaol bhathais, mar a nochdar an luibhre ann an croicionn na feòla; 44 Is duine lobhrach e, tha e neo-ghlan: gairmidh an sagart e neo-ghlan gu h-iomlan; tha a phlàigh ’na cheann. 45 Agus an lobhar air am bheil a’ phlàigh, reubar eudach, agus bithidh a cheann lomnochd, agus cuiridh e folach air a bhil (5) uachdraich, agus glaodhaidh e, Neo-ghlan, neo-ghlan. 46 Rè nan uile laithean a bhios a’ phlàigh air, bithidh e salach; tha e neo-ghlan: gabhaidh e còmhnuidh ’na aonar, an taobh a muigh do’n champa bithidh ionad tàimh. 47 An t-eudach mar an ceudna anns am bheil plàigh na luibhre, ma’s eudach olla e, no ma’s eudach lìn e, 48 Ma’s ann a tha i ’san dlùth, no ’san inneach (6), do lìon no dh’olainn, ma’s ann an croicionn, no ann an ni sam bith deanta do chroicionn: 49 Agus ma tha phlàigh uaine no dearg (7) ’san eudach, no ’sa’ chroicionn, aon chuid ’san dlùth no ’san inneach, no ann an ni sam bith deanta do chroicionn; is plàigh luibhre a th’ann, agus feuchar (8) i do’n t-sagart. 50 Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh, agus druididh e stigh an ni anns a’ bheil a’ phlàigh, seachd laithean. (1) ’an déis. (2) do leighiseadh. (3) dorch-bhàn. (4) pucoid. (5) lip. (6) ’sa’ chur. (7) ro-uaine no ro-dhearg. Eabh. (8) nochdar. [TD 193] LEBHITICUS. CAIB. XIV. 51 Agus amhaircidh e air a’ phlàigh air an t-seachdamh là: ma tha phlàigh air sgaoileadh ’san eudach, aon chuid ’san dlùth no ’san inneach, no ann an croicionn, no ann an obair sam bith deanta do chroicionn; is luibhre chnàmhanach a’ phlàigh: tha e neo-ghlan. 52 Loisgidh e uime sin an t-eudach, ma’s dlùth no inneach, ann an olainn no ann an lìon, no ni air bith deanta do chroicionn, anns a’ bheil a’ phlàigh: oir is luibhre chnàmhanach a th’ann; loisgear e ’san teine. 53 Agus ma dh’amhairceas an sagart, agus feuch, nach ’eil a’ phlàigh air sgaoileadh ’san eudach, aon chuid ’san dlùth, no ’san inneach, no ann an ni sam bith deanta do chroicionn; 54 ’An sin àithnidh an sagart dhoibh an ni anns a’ bheil a’ phlàigh a nigheadh, agus druididh e stigh e seachd laithean eile. 55 Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh ’an déigh a nigheadh: agus feuch, mur do mhùth a’ phlàigh a dath, agus mur do sgaoil a’ phlàigh, tha e neo-ghlan; loisgidh tu ’san teine e: is cnàmhan an leth stigh e, ma’s lom a stigh no muigh e. 56 Agus ma dh’amhairceas an sagart, agus feuch, gu bheil a’ phlàigh càil-eigin dorcha ’an déigh a nigheadh; ’an sin reubaidh e as an eudach i, no as a’ chroicionn, no as an dlùth, no as an inneach. 57 Agus ma tha i r’a faicinn fathast ’san eudach, aon chuid ’san dlùth, no ’san inneach, no ann an ni air bith deanta do chroicionn; is plàigh sgaoilteach a th’ann: loisgidh tu le teine an ni anns a’ bheil a’ phlàigh. 58 Agus an t-eudach, ma’s dlùth, no inneach e, no ni air bith deanta do chroicionn, a nigheas tu, ma chaidh a’ phlàigh asda, ’an sin nighear e an dara uair, agus bithidh e glan. 59 Is e so lagh plàigh na luibhre ann an eudach olla no lìn, anns an dlùth, no anns an inneach, no ann an ni sam bith deanta do chroicnibh, chum a ghairm glan, no ghairm neo-ghlan. CAIB. XIV. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Bithidh so ’na lagh do’n lobhar, ann an là a ghlanaidh: Bheirear e chum an t-sagairt; 3 Agus théid an sagart a mach as a’ champa; agus amhaircidh an sagart, agus feuch, ma leighiseadh plàigh na luibhre anns an lobhar; 4 ’An sin àithnidh an sagart gu’n gabhar air a shon-san a tha gu bhi air a ghlanadh, dà eun bheo ghlan, agus fiodh seudair, agus scarlaid, agus hiosop. 5 Agus àithnidh an sagart gu marbhar aon do na h-eunaibh ann an soitheach creadha, os cionn uisge ruidh (1). 6 A thaobh an eoin bheo, gabhaidh se e, agus am fiodh seudair, agus an scarlaid, agus an hiosop, agus tumaidh e iad agus an t-eun beo, ann am fuil an eoin a mharbhadh os cionn an uisge ruidh, 7 Agus crathaidh e air-san a ta gu bhi air a ghlanadh o’n lui- (1) ruith uisge, fìor uisge; uisge beo. Eabh. [TD 194] LEBHITICUS. CAIB. XIV. bhre, seachd uairean, agus gairmidh e glan e, agus leigidh e as an t-eun beo air aghaidh na machrach. 8 Agus nighidh esan a ta gu bhi air a ghlanadh eudach, agus bearraidh e dheth fhionnadh uile, agus nighidh se e féin ann an uisge, chum gu’m bi e glan: agus ’na dhéigh sin thig e steach do’n champa, agus fanaidh e mach as a’ bhùth seachd laithean. 9 Ach air an t-seachdamh là, bearraidh e falt a chinn uile agus fheusag, agus mailghean a shùl, eadhon fhionnadh uile bearraidh e dheth: agus nighidh e eudach, nighidh e mar an ceudna fheoil ann an uisge, agus bithidh e glan. 10 Agus air an ochdamh là gabhaidh e dà uan fhirionn gun ghaoid, agus aon uan bainionn do’n cheud bhliadhna gun ghaoid, agus tri deich earrannan (1) do phlùr mìn mar thabhartas-bìdh, measgta le h-oladh, agus aon (2) log ola. 11 Agus nochdaidh (3) an sagart a ni glan e, an duine a ta r’a ghlanadh, agus na nithe sin ’an làthair an Tighearna, aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail: 12 Agus gabhaidh an sagart aon uan firionn, agus bheir e seachad e mar ìobairt-eusaontais, agus an log olaidh, agus luaisgidh e iad mar thabhartas-luaisgte, am fianuis an Tighearna. 13 Agus marbhaidh e ’n t-uan anns an àite ’sam marbh e ’n ìobairt-pheacaidh agus an ìobairt-loisgte, anns an ionad naomha: oir mar is leis an t-sagart an ìobairt-pheacaidh, is amhuil sin an ìobairt-eusaontais: tha i ro-naomha. 14 Agus gabhaidh an sagart cuid do fhuil na h-ìobairt-eusaontais, agus cuiridh an sagart i air bàrr cluaise deise an neach a ta r’a ghlanadh, agus air ordaig a làimhe deise, agus air ordaig a choise deise. 15 Agus gabhaidh an sagart cuid do’n log ola, agus dòirtidh e i ann an glaic a làimhe clìthe féin. 16 Agus tumaidh an sagart a mheur deas ’san oladh a ta ’na làimh chli, agus crathaidh e cuid do’n ola le mheur, seachd uairean ’an làthair an Tighearna. 17 Agus do’n chuid eile do’n oladh a ta ’na làimh cuiridh an sagart air bàrr cluaise deise an neach a ta r’a ghlanadh, agus air ordaig a làimhe deise, agus air ordaig a choise deise, air fuil na h-ìobairt-eusaontais. 18 Agus fuigheall na h-ola, a ta ’n làimh an t-sagairt, dòirtidh e air ceann an neach a ta r’a ghlanadh: agus ni an sagart réite air a shon am fianuis an Tighearna. 19 Agus ìobraidh an sagart an ìobairt-pheacaidh, agus ni e réite air a shonsan a ta r’a ghlanadh o neo-ghloine, agus ’na dhéigh sin marbhaidh e ’n ìobairt-loisgte. 20 Agus bheir an sagart seachad an ìobairt-loisgte, agus an tabhartas-bìdh air an altair: agus ni an sagart réite air a shon, agus bithidh e glan. 21 Agus ma tha e bochd, agus nach urrainn e na h-uiread fhaghail (4); ’an sin gabhaidh e (1) codacha. (2) tomhas tri cheithreanna pinnte. (3) taisbeanaidh. (4) fhaigheil, fhaotainn. [TD 195] LEBHITICUS. CAIB. XIV. aon uan chum ìobairt-eusaontais gu bhi air a luasgadh, a dheanamh réite air a shon, agus aon deicheamh earrann (1) do phlùr mìn measgta le h-ola, mar thabhartas-bìdh, agus log ola: 22 Agus dà thurtur, no dà choluman òga, mar is urrainn e (2) fhaghail; agus bithidh fear dhiubh ’na ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile ’na ìobairt-loisgte. 23 Agus bheir e iad air an ochdamh là, air son a ghlanaidh, chum an t-sagairt, gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail, ’an làthair an Tighearna. 24 Agus gabhaidh an sagart uan na h-ìobairt-eusaontais, agus an log ola, agus luaisgidh an sagart iad mar thabhartas-luaisgte ’an làthair an Tighearna. 25 Agus marbhaidh e uan na h-ìobairt-eusaontais, agus gabhaidh an sagart cuid do fhuil na h-ìobairt-eusaontais, agus cuiridh e i air bàrr cluaise deise an fhir a ta r’a ghlanadh, agus air ordaig a làimhe deise, agus air ordaig a choise deise. 26 Agus dòirtidh an sagart cuid do’n oladh ann an glaic a làimhe clìthe féin. 27 Agus crathaidh an sagart le mheur deas cuid do’n oladh a ta ’na làimh chli seachd uairean am fianuis an Tighearna. 28 Agus cuiridh an sagart cuid do’n oladh a ta ’na làimh, air bàrr cluaise deise an fhir a ta r’a ghlanadh, agus air ordaig a làimhe deise, agus air ordaig a choise deise, air ionad fola na h-ìobairt-eusaontais. 29 Agus a’ chuid eile do’n oladh a ta ’n làimh an t-sagairt, cuiridh e air ceann an fhir a ta r’a ghlanadh, a dheanamh réite air a shon am fianuis an Tighearna. 30 Agus ìobraidh e fear do na turtuir, no do na columain òga, mar is urrainn e fhaghail: 31 Eadhon an ni is urrainn e fhaghail, fear mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt-loisgte, maille ris an tabhartas-bhìdh. Agus ni an sagart réite air a shon-san a ta r’a ghlanadh, am fianuis an Tighearna. 32 So lagh an fhir anns a’ bheil plàigh na luibhre, neach nach ruig a làmh air an ni sin a bhuineas d’a ghlanadh. 33 Agus labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, ag ràdh, 34 An uair a thig sibh do thìr Chanaain, a bheir mise dhuibh mar sheilbh, agus a chuireas mi plàigh luibhre ann an tigh fearainn bhur seilbh; 35 Agus gu’n d’thig esan d’am buin an tigh agus gu’n innis e do’n t-sagart, ag ràdh, A réir mo bharail-sa tha mar gu’m bu phlàigh luibhre ’san tigh: 36 ’An sin àithnidh an sagart dhoibh an tigh fhalmhachadh (2) mun d’théid an sagart a stigh ann a dh’fhaicinn na plàigh; chum nach deanar gach ni a tha ’san tigh neo-ghlan: agus ’na dhéigh sin théid an sagart a steach a dh’fhaicinn an tighe. 37 Agus amhaircidh e air a’ phlàigh, agus feuch, ma bhios a’ phlàigh ann am ballaibh an (1) cuid. (2) mar a thig leis; ni air an ruig a làmh. Eabh. (3) fhàgail falamh. [TD 196] LEBHITICUS. CAIB. XIV. tighe, le stiallaibh doimhne (1), càil-eigin uaine no dearga, a tha ra’m faicinn (2) ni’s ìsle na ’m balla; 38 ’An sin théid an sagart a mach as an tigh gu dorus an tighe, agus bheir e fa’near an tigh a dhùnadh suas seachd laithean. 39 Agus thig an sagart a rìs air an t-seachdamh là, agus amhaircidh e: agus feuch, ma bhios a’ phlàigh air sgaoileadh ann am ballaibh an tighe; 40 ’An sin àithnidh an sagart iad a thoirt air falbh nan clach, anns a’ bheil a’ phlàigh, agus tilgidh iad ann an àite neo-ghlan iad an taobh a mach do’n bhaile. 41 Agus bheir e fa’near an tigh a sgrìobadh air an taobh a stigh m’an cuairt, agus tilgidh (3) iad a mach an duslach a sgrìobas iad deth, an taobh a muigh do’n bhaile gu àite neo-ghlan. 42 Agus gabhaidh iad clachan eile, agus cuiridh iad ann an àite nan clach ud iad; agus gabhaidh e criadh (4) eile, agus còmhdaichidh e thairis (5) an tigh leatha. 43 Agus ma thig a’ phlàigh a rìs, agus ma bhriseas i mach ’san tigh, ’an déigh dha na clachan a thoirt air falbh, agus ’an déigh dha ’n tigh a sgrìobadh, agus ’an déigh dha a chòmhdachadh thairis le criadh; 44 ’An sin thig an sagart agus amhaircidh e, agus feuch, ma tha phlàigh air sgaoileadh ’san tigh, is luibhre chnàmhain i ’san tigh; tha e neo-ghlan. 45 Agus brisidh e sìos an tigh, a chlachan, agus fhiodh, agus criadh an tighe uile: agus bheir e fa’near an giùlan a mach as a’ bhaile gu h-ionad neo-ghlan. 46 Agus bithidh esan a théid a stigh do’n tigh rè na h-ùine a dhruidear suas e, neo-ghlan gu feasgar. 47 Agus nighidh esan a luidheas anns an tigh eudach: agus nighidh esan a dh’itheas ’san tigh eudach. 48 Agus ma théid an sagart a stigh, agus gu’n amhairc e air, agus feuch, cha do sgaoil a’ phlàigh ’san tigh, ’an déigh an tigh a chòmhdachadh thairis; ’an sin gairmidh an sagart an tigh glan, a chionn gu’n do leighiseadh a’ phlàigh. 49 Agus gabhaidh e chum an tigh a ghlanadh dà eun, agus fiodh seudair, agus scarlaid, agus hiosop. 50 Agus marbhaidh e fear do na h-eunaibh ann an soitheach creadha, os cionn uisge ruidh. 51 Agus gabhaidh e ’m fiodh seudair, agus an hiosop, agus an scarlaid, agus an t-eun beo, agus tumaidh e iad ann am fuil an eoin a chaidh mharbhadh, agus anns an uisge ruidh; agus crathaidh e air an tigh seachd uaire. 52 Agus glanaidh e an tigh le fuil an eoin, agus leis an uisge ruidh, agus leis an eun bheo, agus leis an fhiodh sheudair, agus leis an hiosop, agus leis an scarlaid. 53 Ach leigidh e as an t-eun beo an taobh a mach do’n bhaile, air aghaidh na machrach, agus ni e réite air son an tighe: agus bithidh e glan. 54 So an lagh air son gach (1) claisichte. (2) ’san amharc. (3) dòirtidh. Eabh. (4) làthach, creuch; morter. Sasg. (5) spairtidh; plaister. Sasg. [TD 197] LEBHITICUS. CAIB. XV. gnè do phlàigh luibhre, agus do chàrr, 55 Agus air son luibhre eudaich, agus air son tighe, 56 Agus air son ataidh, agus air son guirein, agus air son buill shoilleir: 57 A theagasg c’uin a bhios e neo-ghlan, agus c’uin a bhios e glan: is e so lagh na luibhre. CAIB. XV. AGUS labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, ag ràdh, 2 Labhraibh re cloinn Israeil, agus abraibh riu, ’Nuair a bhios aig duine sam bith silteach o fheoil, air son a shiltich bithidh e neo-ghlan. 3 Agus is e so a neo-ghloine ’na shilteach: ma shileas fheoil a mach a sileadh, no ma dhùinear fheoil suas o shilteach, is e so a neo-ghloine. 4 Gach leabadh air an luidh esan air am bheil silteach, bithidh i neo-ghlan: agus gach ni air an suidh e, bithidh e neo-ghlan. 5 Agus gach neach a bheanas r’a leabaidh, nighidh e eudach, agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 6 Agus esan a shuidheas air ni sam bith air an do shuidh neach air am bheil silteach, nighidh e eudach, agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan feasgar. 7 Agus esan a bheanas re feoil neach air am bheil silteach, nighidh e eudach, agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 8 Agus ma thilgeas esan air am bheil silteach smugaid air-san a ta glan, ’an sin nighidh e eudach, agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 9 Agus gach dìollaid air am marcaich esan air am bheil silteach, bithidh i neo-ghlan. 10 Agus gach neach a bheanas re ni sam bith a bha fuidhe, bithidh e neo-ghlan gu feasgar: agus esan a ghiùlaineas a h-aon air bith do na nithibh sin, nighidh e eudach, agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 11 Agus gach neach ris am bean esan air am bheil silteach, agus nach d’ionnail a làmhan ann an uisge, nighidh e eudach agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 12 Agus an soitheach creadha ris am bean esan air am bheil silteach, brisear e: agus gach soitheach fiodha, nighear ann an uisge e. 13 Agus an uair a ghlanar esan air am bheil silteach o shilteach; ’an sin àirmhidh e dha féin seachd laithean air son a ghlanaidh, agus nighidh e eudach, agus ionnailidh e fheoil ann an uisge ruidh, agus bithidh e glan. 14 Agus air an ochdamh là gabhaidh e dha féin dà thurtur, no dà choluman òga, agus thig e ’an làthair an Tighearna, gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail, agus bheir e iad do’n t-sagart. 15 Agus ìobraidh (1) an sagart iad, a h-aon diubh mar ìobairt-pheacaidh, agus an t-aon eile (1) ni. Eabh. [TD 198] LEBHITICUS. CAIB. XV. mar ìobairt-loisgte; agus ni an sagart réite air a shon ’an làthair an Tighearn a thaobh a shiltich. 16 Agus ma dh’fhalbhas a shìol-ginidh o dhuine air bith, ’an sin nighidh e fheoil uile ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 17 Agus gach eudach, agus gach croicionn air am bi an sìol-ginidh, nighear e ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 18 Mar an ceudna a’ bhean leis an luidh fear le sìol-ginidh, nighidh iad araon iad féin ann an uisge, agus bithidh iad neo-ghlan gu feasgar. 19 Agus an uair a bhios silteach air mnaoi, agus gur fuil a bhios ’na silteach ’na feoil, seachd laithean cuirear air leth i; agus gach neach a bheanas ria, bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 20 Agus gach ni air an luidh i ’nuair a chuirear air leth i, bithidh e neo-ghlan: gach ni mar an ceudna air an suidh i, bithidh e neo-ghlan. 21 Agus gach neach a bheanas r’a leabaidh, nighidh e eudach, agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 22 Agus gach neach a bheanas re ni sam bith air an do shuidh i, nighidh e eudach, agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 23 Agus ma bhios e air a leabaidh, no air ni sam bith air an suidh i, ’nuair a bheanas e ris, bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 24 Agus ma luidheas fear sam bith maille ria, agus gu’m bi a fuil-mìos air, bithidh e neo-ghlan seachd laithean, agus bithidh gach leabadh air an luidh e, neo-ghlan. 25 Agus an uair a bhios a silteach fola air mnaoi mòran do laithibh, cha ’n ann ’an àm a dealachaidh, no ma shileas e ’an déigh àm a dealachaidh, bithidh uile laithean silidh a neo-ghloine mar laithean a dealachaidh: bithidh i neo-ghlan. 26 Gach leabadh air an luidh i rè uile laithean a siltich, bithidh i dh’i mar leabaidh a dealachaidh: agus gach ni air an suidh i, bithidh e neo-ghlan, a réir neo-ghloine a dealachaidh. 27 Agus gach neach a bheanas ris na nithibh sin, bithidh e neo-ghlan; agus nighidh e eudach, agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 28 Ach ma ghlanar i o silteach, ’an sin àirmhidh i dh’i féin seachd laithean, agus ’an déigh sin bithidh i glan: 29 Agus air an ochdamh là gabhaidh i dh’i féin dà thurtur, no dà choluman òga, agus bheir i iad dh’ionnsuidh an t-sagairt, gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail: 30 Agus ìobraidh an sagart a h-aon diubh mar ìobairt-pheacaidh, agus an t-aon eile mar ìobairt-loisgte; agus ni an sagart réite air a son ’an làthair an Tighearna, air son siltich a neo-ghloine. 31 Mar so dealaichidh sibh clann Israeil o’n neo-gloine, chum as nach bàsaich iad ’nan neo-ghloine, ’nuair a thruail- [TD 199] LEBHITICUS. CAIB. XVI. leas (1) iad mo phàilliun-sa a ta ’nam measg. 32 Is e so lagh an fhir air am bheil silteach, agus an fhir sin aig an d’théid a shìol uaith, agus a shalaichear leis; 33 Agus na mnà a bhios gu tinn ann an àm a dealachaidh, agus an neach sin air am bi silteach, an fhir, agus na mnà, agus an duine sin a luidheas leatha-sa ta neo-ghlan. CAIB. XVI. AGUS labhair an Tighearna re Maois ’an déigh bàis dhithis mhac Aaroin, an uair a thug iad seachad tabhartas ’an làthair an Tighearna, agus a bhàsaich iad: 2 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Labhair re h-Aaron do bhràthair, a chum nach d’théid e anns gach àm a steach do’n ionad naomha an taobh a stigh do’n roinn-bhrat, ’an làthair cathair-na-tròcair, a ta air an àirc; a chum nach bàsaich e: oir foillsichidh (2) mise mi féin ann an neul air cathair-na-tròcair. 3 Mar so théid Aaron a steach do’n ionad naomha: le tarbh òg chum ìobairt-pheacaidh, agus reithe chum ìobairt-loisgte. 4 An còta anairt naomha cuiridh e air, agus bithidh na brigisean anairt aige air fheoil, agus leis a’ chrios anairt criosraichidh se e féin, agus an crùn-anairt cuiridh e air: is éididh naomha iad sin; air an aobhar sin ionnailidh e fheoil ann an uisge, agus cuiridh e air iad. 5 Agus o choi’-thional chloinn Israeil gabhaidh e dà bhoc (3) o na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh, agus aon reithe chum ìobairt-loisgte. 6 Agus bheir Aaron seachad tarbh na h-ìobairt-pheacaidh a bhios air a fhon féin: agus ni e réite air a shon féin, agus air son a thighe. 7 Agus gabhaidh e an dà bhoc-gaibhre, agus nochdaidh e iad ’an làthair an Tighearna, aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 8 Agus tilgidh Aaron croinn (4) air an dà bhoc; aon chrann air son an Tighearna, agus crann eile air son a’ bhuic a théid as. 9 Agus bheir Aaron leis am boc air an do thuit an crann air son an Tighearna, agus ìobraidh se e mar ìobairt-pheacaidh. 10 Ach am boc air an do thuit an crann gu’n leigte as e, nochdar beo e ’an làthair an Tighearna, gu réite a dheanamh leis, chum a leigeadh as saor do’n fhàsach. 11 Agus bheir Aaron leis tarbh na h-ìobairt-pheacaidh, a bhios air a shon féin, agus ni e réite air a shon féin, agus air son a thighe; agus marbhaidh e tarbh na h-ìobairt-pheacaidh, a bhios air a shon féin. 12 Agus gabhaidh e tùiseir làn a dh’eibhlibh teine o’n altair ’an làthair an Tighearna, agus làn a ghlac do thùis dheagh-bholaidh pronnta gu mìn, agus bheir e ’n taobh a stigh do’n roinn-bhrat e. 13 Agus cuiridh e an tùis air an teine ’an làthair an Tighearna, chum gu’n còmhdaich neul na tùise cathair-na-tròcair a ta air an fhianuis, agus nach faigh e bàs. (1) mhi-naomhaicheas. (2) taisbeanaidh. (3) dà mheann. (4) crannchur. [TD 200] LEBHITICUS. CAIB. XVI. 14 Agus gabhaidh e do fhuil an tairbh, agus crathaidh e i le mheur air cathair-na-tròcair chum na h-àird an ear: agus fa chomhair cathair-na-tròcair crathaidh e do’n fhuil seachd uairean le mheur. 15 ’An sin marbhaidh e boc-gaibhre na h-ìobairt-pheacaidh a bhios air son an t-sluaigh, agus bheir e fhuil an taobh a stigh do’n roinn-bhrat, agus ni e r’a fhuil-san mar a rinn e re fuil an tairbh, agus crathaidh e i air cathair-na-tròcair, agus fa chomhair cathair-na-tròcair. 16 Agus ni e réite air son an ionaid naomha thaobh neo-ghloine chloinn Israeil, agus a thaobh an seachrana (1) ’nam peacannaibh gu léir: agus mar so ni e air son pàilliuin a’ choi’-thionail a ta chòmhnuidh maille riu, ann am meadhon an neo-ghloine. 17 Agus duine sam bith cha bhi ann am pàilliun a’ choi’-thionail, an uair a théid e dheanamh réite ’san ionad naomha, gus an d’thig e mach, agus gu bheil e air deanamh réite air a shon féin, agus air son a thighe (2), agus air son uile choi’-thionail Israeil. 18 Agus théid e mach a dh’ionnsuidh na h-altarach a ta ’m fianuis an Tighearna, agus ni e réite air a son; agus gabhaidh e do fhuil an tairbh, agus do fhuil a’ bhuic, agus cuiridh e i air adhaircibh na h-altarach m’an cuairt. 19 Agus crathaidh e oirre do’n fhuil le mheur seachd uairean, agus glanaidh e i, agus naomhaichidh e i o neo-ghloine chloinn Israeil. 20 Agus an uair a bhios e air deanamh réite (3) air son an ionaid naomha, agus air son pàilliuin a’ choi’-thionail, agus air son na h-altarach, bheir e leis am boc-gaibhre beo: 21 Agus cuiridh Aaron a dhà làimh air ceann a’ bhuic bheo, agus aidichidh e os a chionn uile lochda chloinn Israeil, agus an uile sheachrana (4) ’nam peacannaibh gu léir, agus cuiridh e iad air ceann a’ bhuic, agus cuiridh e air falbh e le làimh duine iomchuidh do’n fhàsach. 22 Agus giùlainidh am boc-gaibhre air féin an lochda gu léir gu fearann air leth (5): agus leigidh e air falbh am boc ’san fhàsach. 23 Agus théid Aaron a steach do phàilliun a’ choi’-thionail, agus cuiridh e dheth an éididh anairt, a chuir e air an uair a chaidh e steach do’n ionad naomha, agus fàgaidh e ’n sin i. 24 Agus ionnailidh e fheoil ann an uisge ’san ionad naomha, agus cuiridh e air éididh, agus thig e mach, agus ìobraidh e ìobairt-loisgte féin, agus ìobairt-loisgte an t-sluaigh; agus ni e réite air a shon féin agus air son an t-sluaigh. 25 Agus saill na h-ìobairt-pheacaidh loisgidh e air an altair. 26 Agus esan a leig as am boc-gaibhre mar bhoc saor, nighidh e eudach, agus ionnailidh e fheoil ann an uisge; agus ’na dhéigh sin théid e do’n champa. (1) eusaontais. (2) a theaghlaich. (3) ’nuair a chuireas e crìoch air réite dheanamh. Eabh. (4) eu-cearta. (5) gu fearann neo-àitichte. [TD 201] LEBHITICUS. CAIB. XVII. 27 Agus an tarbh air son na h-ìobairt-pheacaidh, agus am boc-gaibhre air son na h-ìobairt-pheacaidh, d’an d’thugadh am fuil a steach a chum réite a dheanamh ’san ionad naomha, bheirear a mach iad an taobh a muigh do’n champa; agus loisgidh iad ’san teine an croicinn, agus am feoil, agus an aolach. 28 Agus esan a loisgeas iad, nighidh e eudach, agus ionnailidh e fheoil ann an uisge, agus ’na dhéigh sin théid e do’n champa. 29 Agus bithidh so dhuibh ’na ordugh gu sìorruidh: Anns an t-seachdamh mìos, air an deicheamh là do’n mhìos, irioslaichidh (1) sibh bhur n-anman, agus obair sam bith cha dean a sibh, aon chuid esan a tha do mhuinntir bhur dùthcha féin, no ’n coigreach a ta air chuairt ’nar measg; 30 Oir air an là sin ni an sagart réite air bhur son, chum bhur glanadh: o bhur peacannaibh gu léir ’an làthair an Tighearna glanar sibh. 31 Bithidh e ’na shàbaid tàimh dhuibh, agus irioslaichidh sibh bhur n-anman, le ordugh sìorruidh. 32 Agus ni an sagart a dh’ungas e, agus a choisrigeas e gu frithealadh ann an àit’ athar, an réite: agus cuiridh e air an éididh anairt, eadhon an truscan naomha. 33 Agus ni e réite air son an ionaid ro-naomha, agus air son pàilliuin a’ choi’-thionail, agus air son na h-altarach ni e réite; mar an ceudna air son nan sagart, agus air son uile shluaigh a’ choi’-thionail ni e réite. 34 Agus bithidh so dhuibh ’na ordugh sìorruidh, chum réite a dheanamh air son chloinn Israeil as leth am peacanna gu léir aon uair ’sa’ bhliadhna. Agus rinn e mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. CAIB. XVII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re h-Aaron, agus r’a mhic, agus re cloinn Israeil uile, agus abair riu, So an ni a dh’àithn an Tighearn, ag ràdh, 3 Ge b’e duine air bith do thigh Israeil, a mharbhas tarbh, no uan, no gabhar anns a’ champa, no mharbhas e mach as a’ champa, 4 Agus nach d’thoir e gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail gu tabhartas a thoirt seachad do’n Tighearn air beulaobh (2) pàilliuin an Tighearna, cuirear fuil as leth an duine sin, dhòirt e fuil; agus gearrar as an duine sin o mheasg a shluaigh: 5 Chum as gu’n d’thoir clann Israeil an ìobairtean, a dh’ìobras iad a muigh ’sa’ mhachair (3), eadhon gu’n d’thoir iad a chum an Tighearn iad, gu dorus pàilliuin a choi’-thionail a dh’ionnsuidh an t-sagairt, agus gu’n ìobair iad mar ìobairtean-sìth iad do’n Tighearna. 6 Agus crathaidh an sagart an fhuil air altair an Tighearna, aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail, agus loisgidh e ’n t-saill a chum fàile cùbhraidh do’n Tighearna. 7 Agus cha ’n ìobair iad ni’s mò an ìobairtean do dhiabholaibh, as déigh an deachaidh iad (1) cràdhaidh. Eabh. (2) fa chomhair. (3) air aghaidh an fhearainn. Eabh. [TD 202] LEBHITICUS. CAIB. XVIII. le strìopachas: Bithidh so ’na reachd dhoibh gu sìorruidh air feadh an ginealacha. 8 Agus their thu riu, Ge b’e duine air bith do thigh Israeil, no do na coigrich a bhios air chuairt ’nar measg, a bheir seachad tabhartas-loisgte no ìobairt, 9 Agus nach d’thoir e gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail, a chum ìobradh do’n Tighearna; gearrar eadhon an duine sin as o mheasg a shluaigh. 10 Agus ge b’e duine do thigh Israeil, no do na coigrich a ta air chuairt ’nar measg, a dh’itheas gnè sam bith fola; cuiridh mise mo ghnùis ’an aghaidh an anma sin a dh’itheas fuil, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh. 11 Oir tha beatha na feòla ’san fhuil, agus thug mi dhuibh i air an altair, a dheanamh réite air son bhur n-anmanna: oir is i ’n fhuil a ni réite air son an anma. 12 Uime sin thubhairt mi re cloinn Israeil, Cha ’n ith anam sam bith agaibh fuil, ni mò a dh’itheas an coigreach fuil, a bhios air chuairt ’nar measg. 13 Agus ge b’e duine air bith do chloinn Israeil, no do na coigrich a bhios air chuairt ’nar measg, a ni sealg agus a ghlacas beathach no eun a dh’fheudar itheadh; dòirtidh e mach fhuil, agus còmhdaichidh (1) e le duslach i. 14 Oir is i beatha gach uile fheòla a fuil; tha i air son beatha dh’i: uime sin thubhairt mi re cloinn Israeil, Cha ’n ith sibh fuil feòla sam bith; oir is i beatha gach feòla a fuil: gach neach a dh’itheas i, gearrar as e. 15 Agus gach anam a dh’itheas an ni a bhàsaicheas dheth féin; no a reubadh le fiadh-bheathaichibh, (ma’s neach e a rugadh ’nar tìr féin, no coigreach) nighidh e eudach, agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar: ’an sin bithidh e glan. 16 Ach mur nigh se e, agus mur ionnail e fheoil; ’an sin giùlainidh e aingidheachd. CAIB. XVIII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, Is mise an Tighearna bhur Dia. 3 A réir gnìomhara tìr na h-Eiphit anns an robh sibh a chòmhnuidh, cha dean sibh: agus a réir gnìomhara tìr Chanaain gus am bheil mise ’gar tabhairt, cha dean sibh: ni mò a ghluaiseas sibh ’nan orduighibh. 4 Ni sibh mo bhreitheanais, agus gleidhidh sibh m’orduighean, gu gluasad annta: Is mise an Tighearna bhur Dia. 5 Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais; nithe ma ni duine, bithidh e beo annta: Is mise an Tighearna. 6 Cha d’ thig a h-aon agaibh am fagus a dh’aon neach a ta dlùth dha ann an dàimh, a chum a nàire a leigeadh ris: Is mise an Tighearna. 7 Nochd (2) t’athar, no nochd do mhàthar, cha leig thu ris: is i do mhàthair i, cha leig thu ris a nochd. (1) folchaidh. (2) lomnochduidh, nàire. [TD 203] LEBHITICUS. CAIB. XVIII. 8 Nochd mnà t’athar cha leig thu ris: is e nochd t’athar e. 9 Nochd do pheathar, nighinn t’athar, no nighinn do mhàthar, co dhiubh a rugadh i aig an tigh, no rugadh a mach i, eadhon an nochd-san cha leig thu ris. 10 Nochd nighinn do mhic, no nighinn do nighinn, eadhon an nochd-san cha leig thu ris: oir is e an nochd-san do nochd féin. 11 Nochd nighinn mnà t’athar, a ghineadh le t’athair, (is i do phiuthar i) cha leig thu ris a nochd-sa. 12 Cha leig thu ris nochd peathar t’athar: is i ban-charaid ro-dhìleas t’athar i. 13 Cha leig thu ris nochd peathar do mhàthar: oir is i ban-charaid ro-dhìleas do mhàthar i. 14 Cha leig thu ris nochd bràthar t’athar, cha d’thig thu ’m fagus d’a mhnaoi: is i bean bhràthar t’athar i. 15 Cha leig thu ris nochd do bhan-chleamhna: is i bean do mhic i, cha leig thu ris a nochd. 16 Cha leig thu ris nochd mnà do bhràthar: is e nochd do bhràthar e. 17 Cha leig thu ris nochd mnà agus a h-ighinn (1), ni mò a ghabhas tu nighean a mic, no nighean a h-ighinn, a chum a nochd a leigeadh ris; oir is iad a ban-chairde dilse iad: is aingidheachd e. 18 Ni mò a ghabhas tu bean maille r’a piuthair, a chum a buaireadh (2), a leigeadh ris a nochd, a thuilleadh air an té eile, am feadh is beo i. 19 Mar an ceudna cha d’thig thu ’m fagus do mhnaoi a leigeadh ris a nochd, an uair a chuirear air leth i air son a neo-ghloine. 20 Agus cha luidh thu gu collaidh le mnaoi do choimhearsnaich, a chum thu féin a thruailleadh leatha. 21 Agus cha leig thu le neach air bith do d’ shliochd dol tre ’n teine do Mholech, ni mò a mhi-naomhaicheas tu ainm do Dhé: Is mise an Tighearna. 22 Cha luidh thu le firionnach mar le bainionnach: is gràineileachd e. 23 Ni mò a luidheas tu le h-ainmhidh sam bith gu d’ thruailleadh féin leis: ni mò a sheasas bean sam bith roimh ainmhidh gu luidhe sìos da: is amhluadh (3) e. 24 Na truaillibh sibh féin ann an aon sam bith do na nithibh sin: oir anns na nithibh sin uile thruaill na cinnich sin iad féin, a thilgeas mise mach romhaibh. 25 Agus shalaicheadh am fearann: uime sin leanaidh mi aingidheachd air, agus sgeithidh am fearann féin a mach a luchd-àiteachaidh. 26 Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan agus mo bhreitheanais, agus cha dean sibh a h-aon air bith do na gràinealachdaibh sin; aon chuid neach sam bith d’ar cinneach féin, no coigreach a bhios air chuairt ’nar measg: 27 (Oir na gràinealachda sin uile rinn daoine na dùthcha, a bha romhaibh, agus tha ’m fearann air a thruailleadh) 28 Chum nach sgeith am fearann sibhse mach mar an ceudna, ’nuair a thruailleas sibh e, mar (1) inghin. (2) brosnuchadh, cràdh. (3) aimlisg; confusion. Sasg. [TD 204] LEBHITICUS. CAIB. XIX. a sgeith e mach na cinnich a bha romhaibh. 29 Oir ge b’e neach a ni h-aon air bith do na gràinealachdaibh ud, eadhon na h-anman a ni iad, gearrar as iad o mheasg an sluaigh. 30 Uime sin gleidhidh sibh m’orduighean, a chum nach dean sibh a h-aon air bith do na gnàthannaibh gràineil ud, a rinneadh romhaibh, agus nach truaill sibh sibh féin annta: Is mise an Tighearna bhur Dia. CAIB. XIX. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re coi’-thional chloinn Israeil uile, agus abair riu, Bithibh naomha: oir a ta mise an Tighearna bhur Dia naomha. 3 Bitheadh eagal bhur màthar agus bhur n-athar air gach duine agaibh, agus gleidhibh mo shàbaidean: Is mise an Tighearna bhur Dia. 4 Na rachaibh a thaobh gu h-iodholaibh, agus na deanaibh diathan (1) leaghta dhuibh féin: Is mise an Tighearna bhur Dia. 5 Agus ma dh’ìobras sibh ìobairt thabhartasan-sìth do’n Tighearna, ìobraidh sibh i d’ar toil féin. 6 ’San là sin féin anns an ìobair sibh i ithear i, agus air an là màireach: agus ma mhaireas a’ bheag dh’i gus an treas là, loisgear ’san teine e. 7 Agus ma dh’ithear e idir air an treas là, is gràineil e; cha ghabhar e. 8 Uime sin gach neach a dh’itheas e, giùlainidh e aingidheachd, a chionn gu’n do mhi-naomhaich e ni coisrigte an Tighearna: agus gearrar an t-anam sin as o shluagh. 9 Agus an uair a bhuaineas sibh foghar bhur fearainn, cha bhuain thu gu buileach oisinnean t-achaidh, ni mò a chruinnicheas tu dioghluim (2) t’fhogharaidh. 10 Agus cha tur-lom thu t’fhìon-lios (3), ni mò a chruinnicheas tu uile fhìon-dhearca t’fhìon-lios; do’n bhochd agus do’n choigreach fàgaidh tu iad: Is mise an Tighearna bhur Dia. 11 Cha ghoid sibh, ni mò a ni sibh breug (4), no mheallas aon agaibh a chéile. 12 Agus cha mhionnaich sibh air m’ainm-sa gu breugach, ni mò a mhi-naomhaicheas tu ainm do Dhé: Is mise an Tighearna. 13 Cha dean thu foirneart (5) air do choimhearsnach, ni mò a ni thu reubainn air: cha’n fhan duais an fhir-thuarasdail maille riut rè na h-oidhche gu madainn. 14 Cha mhallaich thu ’m bodhar, agus roimh ’n dall cha chuir thu ceap-tuislidh, ach bithidh eagal do Dhé ort; Is mise an Tighearna. 15 Cha dean sibh eucoir sam bith ann am breitheanas; cha bhi suim agad do ghnùis (6) an duine bhochd, ni mò a bheir thu onoir do ghnùis an duine chumhachdaich; ann an ceartas bheir thu breth air do choimhearsnach. 16 Cha d’théid thu m’an cuairt mar fhear tuailis (7) am (1) dée. (2) seasgana. (3) lom thu gu buileach t’fhìon-gharadh. (4) a dh’àicheadhas. Eabh. (5) eucoir, feall, cealg. (6) phearsa. (7) fhear cùl-chàineadh, fhear innseadh sgeoil. [TD 205] LEBHITICUS. CAIB. XIX. measg do shluaigh; ni mò a sheasas tu ’an aghaidh fola do choimhearsnaich: Is mise an Tighearna. 17 Cha bhi fuath agad do d’ bhràthair ann ad chridhe: air gach aon chor cronaichidh tu do choimhearsnach, agus cha’n fhuiling thu peacadh air. 18 Cha dean thu dìoghaltas, ni mò bhios falachd (1) agad re cloinn do shluaigh, ach gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu féin: Is mise an Tighearna. 19 Gleidhidh sibh mo reachda: Cha leig thu le d’ spréidh sìolachadh le gnè eile (2): Cha chuir thu t’fhearann le sìol measgta: ni mò a chuirear umad eudach measgta do olainn agus do lìon. 20 Agus ge b’e neach a luidheas gu collaidh le mnaoi a ta ’na ban-tràill fuidh cheangal-pòsaidh aig fear, agus nach d’fhuasgladh idir, ni mò a thugadh saorsa dh’i; sgiùrsar i: cha chuirear gu bàs iad, a chionn nach robh i saor. 21 Agus bheir e ìobairt-eusaontais do’n Tighearna, gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail, eadhon reithe mar ìobairt-eusaontais. 22 Agus ni an sagart réite air a shon le reithe na h-ìobairt-eusaontais ’an làthair an Tighearna, air son a pheacaidh a rinn e: agus mathar dha a pheacadh a rinn e. 23 Agus an uair a thig sibh do’n fhearann, agus a shuidhicheas sibh gach gnè chraobh air son bìdh; ’an sin measaidh sibh an toradh mar ni neo-thimchioll-ghearrta: tri bliadhnan bithidh e dhuibh mar ni neo-thimchioll-ghearrta: cha’n ithear dheth. 24 Ach air a’ cheathramh bliadhna bithidh a thoradh uile naomha chum cliu do’n Tighearna. 25 Agus air a’ chùigeadh bliadhna ithidh sibh d’a thoradh, chum as gu’n d’thoir e a chinneas (3) duibh: Is mise an Tighearna bhur Dia. 26 Cha ’n ith sibh ni sam bith leis an fhuil: ni mò a ghnàthaicheas sibh druidheachd (4), no sheallas sibh air a mannaibh (5). 27 Cha bhearr sibh m’an cuairt oisinnean bhur ceann, ni mò a mhilleas tu oisinnean t’fheusaig. 28 Cha dean sibh gearradh sam bith ’nar feoil air son nam marbh, ni mò a chuireas sibh comhara sam bith oirbh: Is mise an Tighearna. 29 Na truaill do nighean, a thoirt oirre bhi ’na strìopaich; a chum as nach d’thoir am fearann gu strìopachas, agus nach lìonar an dùthaich le h-aingidheachd. 30 Gleidhidh sibh mo shàbaidean, agus bheir sibh urram do m’ ionad naomha: Is mise an Tighearna. 31 Na biodh suim agaibh dhiubhsan aig am bheil leannain-sìth (6), agus na iarraibh a dh’ionnsuidh luchd-fiosachd, gu bhi air bhur truailleadh leo: Is mise an Tighearna bhur Dia. 32 ’An làthair a’ chinn léith éiridh tu suas, agus bheir thu urram do ghnùis an duine aosda, agus bithidh eagal do Dhé ort: Is mise an Tighearna. 33 Agus ma bhios coigreach (1) mìo-run. (2) le seòrsaibh eagsamhuil. (3) fhàs. (4) fiosachd. (5) manaibh. (6) spiorada fàistineachd. [TD 206] LEBHITICUS. CAIB. XX. air chuairt maille riut ’nar tìr, cha bhuin sibh gu cruaidh ris. 34 Mar neach a rugadh ’nar measg bithidh dhuibhse an coigreach a ta air chuairt maille ribh, agus gràdhaichidh tu e mar thu féin; oir bha sibh féin ’nar coigrich ann an tìr na h-Eiphit: Is mise an Tighearna bhur Dia. 35 Cha dean sibh eucoir sam bith ann am breitheanas, ann an slait-thomhais, ann an cudthrom, no ann an tomhas. 36 Meidhean cearta (1), clacha-tomhais cearta, ephah cheart, agus hin cheart bithidh agaibh: Is mise an Tighearna bhur Dia, a thug sibhse mach a tìr na h-Eiphit. 37 Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus ni sibh iad: Is mise an Tighearna. CAIB. XX. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 A rìs their thu re cloinn Israeil, Ge b’e air bith e do chloinn Israeil, no do na coigrich a ta air chuairt ann an Israel, a bheir a’ bheag d’a shliochd do Mholech; cuirear gu cinnteach gu bàs e, clachaidh sluagh na dùthcha e le clachaibh. 3 Agus cuiridh mise mo ghnùis ’an aghaidh an duine sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh: a chionn gu’n d’thug e d’a shliochd do Mholech a shalchadh m’ionaid naomha-sa, agus a thruailleadh m’ainm naomha. 4 Agus ma dh’fholaicheas sluagh na dùthcha air chor sam bith an sùilean o’n duine sin, an uair a bheir e d’a shliochd do Mholech, agus nach marbh iad e; 5 ’An sin cuiridh mise mo ghnùis ’an aghaidh an duine sin, agus ’an aghaidh a theaghlaich, agus gearraidh mi as e, agus iadsan uile a théid le strìopachas ’na dhéigh, a dheanamh strìopachais le Molech, o mheasg an sluaigh. 6 Agus an t-anam a théid a thaobh a dh’ionnsuidh muinntir aig am bheil leannain-sìth, agus a dh’ionnsuidh luchd fiosachd, gu dol le strìopachas ’nan déigh, cuiridh mise mo ghnùis ’an aghaidh an anma sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh. 7 Naomhaichibh sibh féin uime sin, agus bithibh naomha: oir is mise an Tighearna bhur Dia. 8 Agus gleidhidh sibh mo reachdan, agus ni sibh iad: Is mise an Tighearn a naomhaicheas sibh. 9 Oir gach neach a mhallaicheas athair no mhàthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e: mhallaich e athair no mhàthair; bithidh fhuil air féin. 10 Agus an duine a ni adhaltrannas re mnaoi fir eile, eadhon esan a ni adhaltrannas re mnaoi a choimhearsnaich, cuirear an t-adhaltranach agus a’ bhan-adhaltranach gu cinnteach gu bàs. 11 Agus an duine a luidheas le mnaoi athar, leig e ris nochd athar: cuirear gu cinnteach le chéile gu bàs iad; bithidh am fuil orra féin. 12 Agus ma luidheas duine le mnaoi a mhic, cuirear gu (1) Toimhsean fìrinneach. [TD 207] LEBHITICUS. CAIB. XX. deimhin le chéile gu bàs iad: dh’oibrich iad amhluadh (1): bithidh am fuil orra féin. 13 Mar an ceudna ma luidheas duine le fear, mar a luidheas e le mnaoi, rinn iad le chéile gràinealachd: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bithidh am fuil orra féin. 14 Agus ma ghabhas duine d’a ionnsuidh bean agus a màthair, is aingidheachd e: loisgear le teine iad, eadhon esan agus iadsan; a chum as nach bi aingidheachd ’nar measg. 15 Agus ma luidheas duine le h-ainmhidh, cuirear gu cinnteach gu bàs e: agus marbhaidh sibh an t-ainmhidh. 16 Agus ma thig bean am fagus a dh’ainmhidh sam bith, agus gu’n luidh i sìos da, marbhaidh tu a’ bhean agus an t-ainmhidh: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bithidh am fuil orra féin. 17 Agus ma ghabhas duine a phiuthar, nighean athar no nighean a mhàthar, agus gu’m faic e a nochd, agus gu’m faic ise a nochd-san; is ni maslach (2) e; agus gearrar as iad ann an sealladh an sluaigh (3): leig e ris nochd a pheathar, giùlainidh e aingidheachd. 18 Agus ma luidheas duine le mnaoi agus a tinneas oirre, agus gu’n leig e ris a nochd: leig e ris a tobar, agus leig ise ris tobar a fola; agus gearrar as le chéile iad o mheasg an sluaigh. 19 Agus cha leig thu ris nochd peathar do mhàthar, no peathar t’athar: oir tha e rùsgadh fheòla féin: giùlainidh iad an aingidheachd. 20 Agus ma luidheas duine le mnaoi bhràthar athar, leig e ris nochd bhràthar athar; giùlainidh iad am peacadh, gheibh iad bàs gun chloinn. 21 Agus ma ghabhas duine bean a bhràthar, is ni neo-ghlan e: leig e ris nochd a bhràthar, bithidh iad gun chloinn. 22 Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus ni sibh iad; a chum as nach dean am fearann, g’am bheil mi ’gar tabhairt gu còmhnuidh a ghabhail ann, bhur sgeith a mach. 23 Agus cha ghluais sibh ann an gnàthannaibh (4) nan cinneach a ta mise tilgeadh a mach romhaibh: oir rinn iadsan na nithe sin uile, agus uime sin ghabh mi gràin diubh. 24 Ach thubhairt mi ribhse, Sealbhaichidh sibh am fearann, agus bheir mi dhuibh e chum a shealbhachadh, fearann a ta sruthadh le bainne agus le mil: Is mise an Tighearna bhur Dia, a dhealaich sibhse o gach sluagh eile. 25 Cuiridh sibh uime sin eadar-dhealachadh eadar bheathaichibh glana agus neo-ghlana, agus eadar eunlaith neo-ghlan agus ghlan; agus cha dean sibh bhur n-anmanna gràineil le beathach no le h-eun, no le gnè air bith do ni beo a shnàigeas air an talamh, a sgar mise uaibh mar neo-ghlan. 26 Agus bithidh sibh naomha dhomhsa: oir a ta mise an Tighearna naomha, agus dhealaich (1) aimlisg, easordugh. (2) aingidh. (3) ann an sùilibh mhac an sluaigh. Eabh. (4) reachdaibh, orduighibh. Eabh. [TD 208] LEBHITICUS. CAIB. XXI. mi sibhse o gach sluagh eile, chum as gu’m bu leam féin sibh. 27 Bean no duine mar an ceudna aig am bheil leannan-sìth, no bhios re fiosachd, cuirear gu deimhin gu bàs iad: clachaidh iad le clachaibh iad; bithidh am fuil orra féin. CAIB. XXI. AGUS thubhairt an Tighearna re Maois, Labhair ris na sagairt mic Aaroin, agus abair riu, Air son nam marbh cha salaichear neach sam bith dhibh am measg a shluaigh. 2 Ach air son a dhilsean (1), a ta ’m fagus da, eadhon air son a mhàthar, agus air son athar, agus air son a mhic, agus air son a nighinn, agus air son a bhràthar, 3 Agus air son a pheathar a ta ’na h-òigh, a ta ’m fagus da, aig nach robh fear-pòsda; air a sonsa feudaidh e bhi air a shalchadh. 4 Ach cha salaich se e féin, air bhi dha’na dhuine urramach (2) am measg a shluaigh, gu thruailleadh féin. 5 Cha dean iad maoile air an ceann (3), agus oisinn am feusaig cha bhearr iad, ni mò a ni iad gearradh ’nam feoil; 6 Bithidh iad naomha d’an Dia, agus cha truaill iad ainm an Dé: oir tha iad a’ toirt seachad tabhartais an Tighearna a bheirear suas le teine, agus arain an Dé; uime sin bithidh iad naomha. 7 Cha ghabh iad bean a ta ’na strìopaich, no mi-naomha (4); ni mò a ghabhas iad bean a chuireadh air falbh o fear: oir tha e naomha d’a Dhia. 8 Uime sin naomhaichidh tu e, oir tha e toirt seachad arain do Dhé: bithidh e naomha dhuit: oir tha mise an Tighearna naomha, a ta ’gar naomhachadh. 9 Agus ma thruailleas nighean sagairt air bith i féin le strìopachas a dheanamh, tha i truailleadh a h-athar: loisgear le teine i. 10 Agus esan a tha ’na ard shagart o mheasg a bhràithrean, neach a dhòirteadh an ola naomha air a cheann, agus a choisrigeadh a chur na h-éididh (5) uime, cha rùisg e cheann, ni mò a reubas e eudach. 11 Ni mò théid e steach a dh’ionnsuidh cuirp mhairbh sam bith: air son athar no air son a mhàthar cha salaich se e féin. 12 Agus as an ionad naomha cha d’théid e mach, ni mò a thruailleas e ionad naomh a Dhé; oir a ta crùn oladh-ungaidh a Dhé air: Is mise an Tighearna. 13 Agus gabhaidh e bean ’na maighdeanas. 14 Bantrach no bean a chuireadh air falbh o fear, no bean mhi-naomha, no strìopach; iad sin cha ghabh e: ach òigh d’a shluagh féin gabhaidh e mar mhnaoi. 15 Agus cha truaill e a shliochd am measg a shluaigh: oir a ta mise an Tighearna ’ga naomhachadh. 16 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 17 Labhair re h-Aaron, ag ràdh, Ge b’e air bith e do d’ shliochd ’nan ginealachaibh, anns am bi gaoid (6) sam bith, na (1) fheòla féin. Eabh. (2) ’na ard dhuine. (3) Cha mhaolaich iad an ceann le spìonadh an gruaige. (4) air a truailleadh. (5) an truscain naomha. (6) ciurram, aineamh. [TD 209] LEBHITICUS. CAIB. XXII. d’thigeadh e ’m fagus a thoirt seachad arain a Dhé: 18 Oir ge b’e air bith duine anns am bi gaoid, cha d’thig e ’m fagus: duine dall, no bacach, no aig am bheil sròn leachdach, no ni sam bith a thuilleadh air a’ chòir. 19 No duine aig am bi cos bhriste no làmh bhriste, 20 No crotach, no ’na throich, no aig am bheil leus (1) air a shùil, no air am bheil càrr (2), no cloimh (3), no aig am bheil a chlochan brùite: 21 Cha d’thig duine sam bith do shliochd Aaroin an t-sagairt, anns am bheil gaoid, am fagus a thoirt seachad tabhartasan an Tighearn a bheirear suas le teine: tha gaoid ann, cha d’thig e ’m fagus a thoirt seachad arain a Dhé. 22 Ithidh e aran a Dhé, araon do’n aran ro-naomha, agus naomha. 23 Ach an taobh a steach do’n roinn-bhrat cha d’théid e, ni mò thig e m’ fagus do’n altair, a chionn gu bheil gaoid ann; a chum nach truaill e ’m ionaid naomha: oir a ta mise an Tighearna ’gan naomhachadh. 24 Agus dh’innis Maois so do Aaron agus d’a mhic, agus do chloinn Israeil uile. CAIB. XXII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re h-Aaron, agus r’a mhic, iad ’gan sgaradh féin o nithibh naomha chloinn Israeil, agus gun iad a thoirt eas-onoir do (4) m’ainm naomha-sa, anns na nithibh sin a naomhaicheas iad dhomh: Is mise an Tighearna. 3 Abair riu, Ge b’e air bith e d’ar sliochd uile am measg bhur ginealach, a théid a dh’ionnsuidh nan nithe naomha, a naomhaicheas clann Israeil do’n Tighearna, agus a neo-ghloine air, gearrar as an t-anam sin as mo làthair: Is mise an Tighearna. 4 Ge b’e air bith an duine do shliochd Aaroin a ta ’na lobhar, no air am bheil silteach (5), cha ’n ith e do na nithibh naomha gus am bi e glan. Agus ge b’e bheanas re ni air bith a ta neo-ghlan leis a’ mharbh, no duine aig am bheil a shìol a’ dol uaith: 5 No ge b’e bheanas re ni air bith a shnàigeas, leis an deanar neo-ghlan e, no re duine o’m faigh e neo-ghloine, ge b’e air bith neo-ghloine a bhios air. 6 An t-anam a bheanas re h-aon air bith d’an leithidibh sin, bithidh e neo-ghlan gu feasgar, agus cha ’n ith e do na nithibh naomha, mur nigh e fheoil le h-uisge. 7 Agus an uair a théid a’ ghrian sìos, bithidh e glan, agus ’an déigh sin ithidh e do na nithibh naomha, a chionn gur e a bhiadh e. 8 An ni sin a bhàsaicheas leis féin, no a reubar le fiadh-bheathaichibh, cha ’n ith e ’ga shalchadh féin leis: Is mise an Tighearna. 9 Gleidhidh iad uime sin m’ordugh (6), an t-eagal gu’n giùlain iad peacadh air a shon, agus uime sin gu’m faigh iad bàs, ma (1) ball geal. (2) tachas tioram; scurvy. Sasg. (3) sgrìobach, am fealan. (4) a thruailleadh. (5) creuchd shilteach. (6) m’fhaire. [TD 210] LEBHITICUS. CAIB. XXII. thruailleas iad e: Tha mise an Tighearna ’gan naomhachadh. 10 Cha ’n ith coigreach sam bith do’n ni naomha: cha ’n ith fear-cuairt (1) an t-sagairt, no seirbhiseach tuarasdail do’n ni naomha. 11 Ach ma cheannaicheas an sagart duine le airgiod, ithidh e dheth, agus esan a rugadh ’na thigh: ithidh iad d’a bhiadh. 12 Agus ma bhios nighean an t-sagairt pòsda re coigreach, cha ’n fheud i itheadh do thabhartas nan nithe naomha. 13 Ach ma bhios nighean an t-sagairt ’na bantraich, no dealaichte r’a fear, agus gun sliochd aice, agus i air pilltinn gu tigh a h-athar, mar ’na h-òige, ithidh i do bhiadh a h-athar; ach cha’n ith coigreach sam bith dheth. 14 Agus ma dh’itheas duine do’n ni naomha gun fhios da, ’an sin cuiridh e an cùigeadh cuid deth ris, agus bheir e do’n t-sagart e, maille ris an ni naomha. 15 Agus cha truaill iad nithe naomha chloinn Israeil a bheir iad suas do’n Tighearna. 16 Ni mò a leigeas iad leo cionta an eusaontais a ghiùlan an uair a dh’itheas iad an nithe naomha: oir a ta mise an Tighearna ’gan naomhachadh. 17 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 18 Labhair re h-Aaron agus r’a mhic, agus re cloinn Israeil uile, agus abair riu, Ge b’e air bith e do thigh Israeil, no do na coigreachaibh ann an Israel, a bheir seachad a thabhartas air son a bhòidean uile, no air son a shaor thabhartasan uile a bheir iad seachad do’n Tighearna chum ìobairt-loisgte: 19 Bheir sibh seachad dàr toil féin beathach firionn gun ghaoid do’n bhuar, do na caoraich, no do na gabhraibh. 20 Ach ge b’e air bith ni anns am bi gaoid, sin cha d’thoir sibh seachad: oir cha ghabhar air bhur son e. 21 Agus ge b’e air bith e a bheir seachad ìobairt thabhartasan-sìth do’n Tighearna, a choi’-lionadh a bhòid, mar thabhartas saor-thoil, do’n bhuar, no do na caoraich (2), bithidh e iomlan, a chum as gu’n gabhar ris: cha bhi gaoid sam bith ann. 22 Dall, no briste, no ciurramach, no air am bi fliodh (3), no càrr (4), no cloimh, cha d’thoir sibh seachad iad sin do’n Tighearna, ni mò a bheir sibh tabhartas dhiubh a bheirear suas le teine air an altair do’n Tighearna. 23 Aon chuid tarbh no uan aig am bi ni sam bith thar a’ chòir, no dh’uireasbhuidh ’na bhallaibh, sin feudaidh tu thoirt seachad mar shaor thabhartas; ach air son bòide (5) cha ghabhar ris. 24 Ni sam bith a ta brùite, no pronnta, no reubta (6), no gearrta, cha d’thoir sibh seachad do’n Tighearna; agus cha ’n ìobair (7) sibh e ’nar tìr. 25 Agus o làimh coigrich cha d’thoir sibh seachad aran bhur Dé do h-aon diubh sin; a chionn gu’m bheil an truaillidheachd annta, agus gu’m bheil gaoidean annta: cha ghabhar riu air bhur son. (1) eil-thireach, aoidhe, aithnichinn. (2) do’n mheanbh spreidh. (3) wen. Sasg. (4) scurvy. Sasg. (5) mòide. (6) briste. (7) cha dean. Eabh. [TD 211] LEBHITICUS. CAIB. XXIII. 26 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 27 ’Nuair a bheirear tarbh, no caora, no gabhar, ’an sin bithidh e seachd laithean fuidh mhàthair; agus o’n ochdamh là agus a sin suas, gabhar ris mar thabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna. 28 Agus ma’s bò no caora bhios ann, cha mharbh sibh i féin agus a h-òg ’san aon là. 29 Agus an uair a dh’ìobras sibh ìobairt-bhuidheachais do’n Tighearna, ìobraidh sibh i d’ar toil féin. 30 Air an là sin féin ithear suas i, cha ’n fhàg sibh a’ bheag dhith gu madainn: Is mise an Tighearna. 31 Air an aobhar sin gleidhidh sibh m’àitheanta, agus ni sibh iad: Is mise an Tighearna. 32 Agus cha truaill sibh m’ainm naomha-sa, agus bithidh mi air mo naomhachadh am measg chloinn Israeil: Is mise an Tighearn a ta ’gar naomhachadh, 33 A thug a mach sibh a tìr na h-Eiphit gu bhi a’m’ Dhia agaibh: Is mise an Tighearna. CAIB XXIII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, A thaobh féisdean (1) an Tighearna, a ghairmeas sibh a bhi ’nan co’-ghairmibh naomha, is iad eadhon sin m’fhéisdean-sa. 3 Sè laithean nìthear obair, ach ’san t-seachdamh là bithidh sàbaid fois, co’-ghairm naomha: obair sam bith cha dean sibh air: is e sàbaid an Tighearn e ’nar n-àitibh-còmhnuidh uile. 4 Is iad sin féisdean an Tighearna, eadhon co’-ghairmean naomha, a ghairmeas sibh ’nan amannaibh féin: 5 Anns a’ cheud mhìos, air a’ cheathramh là deug do’n mhìos air feasgar, bithidh càisg an Tighearna. 6 Agus air a chùigeadh là deug do’n mhìos sin féin bithidh féisd an arain neo-ghoirtichte do’n Tighearna: seachd laithean ithidh sibh aran neo-ghoirtichte. 7 Air a’ cheud là bithidh co’-ghairm naomha agaibh: obair thràilleil (2) sam bith cha dean sibh air. 8 Ach bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna seachd laithean: air an t-seachdamh là bithidh co’-ghairm naomha; obair thràilleil sam bith cha dean sibh air. 9 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 10 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, ’Nuair a thig sibh a dh’ionnsuidh an fhearainn a bheir mise dhuibh, agus a bhuaineas sibh fhoghar, ’an sin bheir sibh sguab do cheud thoradh bhur fogharaidh dh’ionnsuidh an t-sagairt: 11 Agus luaisgidh e ’n sguab ’an làthair an Tighearna, chum gu’n gabhar ria air bhur son: air an là màireach ’an déigh na sàbaid luaisgidh an sagart i. 12 Agus ìobraidh sibh air an là sin an uair a luaisgeas sibh an sguab, uan firionn gun ghaoid, do’n cheud bhliadhna, mar ìobairt-loisgte do’n Tighearna. (1) féillean, laithean féille. (2) shaoithreachail. [TD 212] LEBHITICUS. CAIB. XXIII. 13 Agus is e a thabhartas-bìdh dà dheicheamh earrann do phlùr mìn measgta le h-ola, tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna chum fàile cùbhraidh: agus bithidh a thabhartas-dibhe do fhìon, an ceathramh cuid do hin. 14 Agus cha ’n ith sibh aran, no gràn cruadhaichte, no diasa glasa, gus an là sin féin anns an d’thoir sibh tabhartas a chum bhur Dé: bithidh e ’na reachd bith-bhuan air feadh bhur ginealacha, ’nar n-àitibh-còmhnuidh uile. 15 Agus àirmhidh sibh dhuibh féin o’n là màireach ’an déigh na sàbaid, o’n là ’san d’thug sibh leibh sguab an tabhartais-luaisgte: bithidh seachd sàbaidean iomlan ann: 16 Eadhon gus an là màireach ’an déigh na seachdamh sàbaide, àirmhidh sibh leth-cheud là, agus bheir sibh seachad nuadh thabhartas-bìdh do’n Tighearna. 17 Bheir sibh leibh as bhur n-àitibh-còmhnuidh dà bhuilionn (1) luaisgte, do dhà dheicheamh earrann; bithidh iad do phlùr mìn, fuinear iad le taois ghoirt, bithidh iad ’nan ceud thoradh do’n Tighearna. 18 Agus bheir sibh seachad maille ris an aran seachd uain gun ghaoid, do’n cheud bhliadhna, agus aon tarbh òg, agus dà reithe: bithidh iad ’nan ìobairt-loisgte do’n Tighearna, maille r’an tabhartas-bìdh, agus an tabhartais-dibhe, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna. 19 ’An sin ìobraidh sibh aon mheann do na gabhraibh mar ìobairt-pheacaidh, agus dà uan do’n cheud bhliadhna mar ìobairt thabhartasan-sìth. 20 Agus luaisgidh an sagart iad maille re aran a’ cheud toraidh, mar thabhartas-luaisgte ’an làthair an Tighearna, maille ris an dà uan: bithidh iad naomha do’n Tighearna chum an t-sagairt. 21 Agus gairmidh sibh air an là sin féin, a chum as gu’m bi e ’na cho’-ghairm naomha dhuibh: obair thràilleil sam bith cha dean sibh air: Bithidh e’na reachd sìorruidh ’nar n-àitibh-còmhnuidh uile air feadh bhur ginealacha. 22 Agus an uair a bhuaineas sibh foghar (2) bhur fearainn, cha ghearr thu gu buileach oisinnean t’achaidh ’nuair a bhuaineas tu, ni mò a thionaileas tu dioghluim t-fhogharaidh: fàgaidh tu iad do’n bhochd agus do’n choigreach: Is mise an Tighearna bhur Dia. 23 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 24 Labhair re cloinn Israeil, ag ràdh, ’San t-seachdamh mìos, air a’ cheud là do’n mhìos, bithidh sàbaid agaibh, cuimhneachan shéideadh thrompaidean (3), co’-ghairm naomha. 25 Obair thràilleil sam bith cha dean sibh air; ach bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna. 26 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 27 Mar an ceudna air an deicheamh là do’n t-seachdamh mìos so, bithidh là réite; bithidh e ’na cho’-ghairm naomha dhuibh, agus cràdhaidh sibh bhur (1) mhuilionn. (2) foghara. (3) stoc, adharc. [TD 213] LEBHITICUS. CAIB. XXIII. n-anmanna (1), agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna. 28 Agus obair sam bith cha dean sibh air an là cheudna; oir is là réite e dheanamh réite air bhur son ’an làthair an Tighearna bhur Dé. 29 Oir ge b’e anam nach bi fa chràdh ’san là sin féin, gearrar as e o mheasg a shluaigh. 30 Agus gach anam a ni obair sam bith air an là cheudna, an t-anam sin féin sgriosaidh mise o mheasg a shluaigh. 31 Obair sam bith cha dean sibh: bithidh e ’na reachd sìorruidh air feadh bhur ginealacha ’nar n-àitibh-còmhnuidh uile. 32 Bithidh e dhuibh ’na shàbaid fois, agus cràdhaidh sibh bhur n-anmanna air an naothadh là do’n mhìos air feasgar: o fheasgar gu feasgar cumaidh sibh bhur sàbaid. 33 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 34 Labhair re cloinn Israeil, ag ràdh, Air a’ chùigeadh là deug do’n t-seachdamh mìos so bithidh féisd nam pàilliun (2) rè sheachd laithean do’n Tighearna. 35 Air a’cheud là bithidh co’-ghairm naomha: obair thràilleil sam bith cha dean sibh air. 36 Seachd laithean bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna: air an ochdamh là bithidh co’-ghairm naomha agaibh, agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna; is ard cho’-thional e; obair thràilleil sam bith cha dean sibh air. 37 Is iad sin féisdean an Tighearna, a ghairmeas sibh gu bhi nan co’-ghairmibh naomha, a thoirt seachad tabhartais a bheirear suas le teine do’n Tighearna, tabhartas-loisgte, agus tabhartas-bìdh, ìobairt, agus tabhartasan-dibhe, gach ni air a là féin, 38 A thuilleadh air sàbaidibh an Tighearna, agus a thuilleadh air bhur tiodhlacaibh, agus a thuilleadh air bhur bòidibh uile, agus a thuilleadh air bhur saor-thabhartais uile, a bheir sibh do’n Tighearna. 39 Mar an ceudna air a chùigeadh là deug do’n t-seachdamh mìos, an uair a chruinnicheas sibh a stigh toradh an fhearainn, cumaidh sibh féisd do’n Tighearna seachd laithean: air a’ cheud là bithidh sàbaid (3), agus air an ochdamh là bithidh sàbaid. 40 Agus gabhaidh sibh dhuibh féin air a’ cheud là meas (4) chraobh àluinn, geugan chrann pailm, agus geugan chraobh tiugh, agus seileach an t-sruthain; agus ni sibh gairdeachas ’an làthair an Tighearna bhur Dé seachd laithean. 41 Agus cumaidh sibh e ’na fhéisd do’n Tighearna seachd laithean ’sa bhliadhna: bithidh e ’na reachd sìorruidh air feadh bhur ginealacha; cumaidh sibh e ’san t-seachdamh mìos. 42 Ann am pàilliunaibh (5) gabhaidh sibh còmhnuidh seachd laithean; gabhaidh gach aon a (1) cuiridh sibh bhur n-anmanna fa àmhghar. (2) féill nam bùth. (3) fois, tàmh. Eabh. (4) meanglain. (5) bùthaibh. [TD 214] LEBHITICUS. CAIB. XXIV. rugadh ’na Israelach còmhnuidh ann am pàilliunaibh; 43 A chum as gu’m bi fios aig bhur ginealaich gu’n d’thug mise air cloinn Israeil còmhnuidh ghabhail ann am pàilliunaibh, ’nuair a thug mi mach iad a tìr na h-Eiphit: Is mise an Tighearna bhur Dia. 44 Agus chuir Maois ’an céill do chloinn Israeil féisdean an Tighearna. CAIB. XXIV. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Aithn do chloinn Israeil iad a thoirt a’ t’ionnsuidh ola fìor-ghlan a’ chroinn-olaidh, brùite air son an t-soluis, a thoirt air na lòchrain lasadh ’an còmhnuidh. 3 An taobh a muigh do bhrat na fianuis, ann am pàilliun a’ choi’-thionail, orduichidh Aaron e o fheasgar gu madainn, ’an làthair an Tighearn ’an còmhnuidh: bithidh e ’na reachd sìorruidh air feadh bhur ginealacha. 4 Orduichidh e na lòchrain air a’ choinnleir fhìor-ghlan ’an làthair an Tighearn ’an còmhnuidh. 5 Agus gabhaidh tu plùr mìn, agus fuinidh tu dà bhreacaig dheug dheth: dà dheicheamh earrann bithidh ann an aon bhreacaig. 6 Agus suidhichidh tu iad ann an dà shreath, sè ann an sreath, air a’ bhòrd fhìor-ghlan ’an làthair an Tighearna. 7 Agus cuiridh tu tùis fhìor-ghlan air gach sreath, a chum as gu’m bi i air an aran mar chuimhneachan, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine do’n Tighearna. 8 Gach aon là sàbaid cuiridh e ’n ordugh e ’an làthair an Tighearn ’an còmhnuidh, air a ghabhail o chloinn Israeil le coi’-cheangal sìorruidh. 9 Agus is le Aaron agus a mhic e, agus ithidh iad e ’san ionad naomha; oir a ta e ro-naomha dha, do thabhartasaibh an Tighearn a bheirear suas le teine, le reachd (1) bith-bhuan. 10 Agus chaidh mac ban-Israelich, aig an robh Eiphiteach ’na athair, a mach am measg chloinn Israeil: agus bha mac na ban-Israelich agus duine do Israel a comhstri’ ’sa’ champa. 11 Agus mhaslaich (2) mac na ban-Israelich ainm an Tighearna, agus mhallaich e: agus thug iad gu Maois e (agus b’e ainm a mhàthar Selomit, nighean Dhibri, do thréibh Dhan) 12 Agus chuir iad ’an làimh (3) e, chum gu’n nochdtadh dhoibh inntinn an Tighearna. 13 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 14 Thoir a mach esan a mhallaich an taobh a muigh do’n champa, agus cuireadh iadsan uile a chual’ e an làmhan air a cheann, agus clachadh an co’-chruinneach uile e. 15 Agus labhraidh tu re cloinn Israeil, ag ràdh, Ge b’e neach a mhallaicheas a Dhia, giùlainidh e a pheacadh. 16 Agus esan a mhaslaicheas ainm an Tighearna, cuirear gu cinnteach gu bàs e; clachaidh gu deimhin an co’-chruinneach uile e: an coigreach co math (1) lagh, ordugh. (2) dh’ainmich. Eabh. (3) ann an gaintir, ’am prìosun. [TD 215] LEBHITICUS. CAIB. XXV. agus esan a rugadh ’san dùthaich, ’nuair a mhaslaicheas e ainm an Tighearna, cuirear gu bàs e. 17 Agus esan a mharbhas duine sam bith, cuirear gun teagamh gu bàs e. 18 Agus esan a mharbhas ainmhidh, ni e dìoladh air a shon; ainmhidh air son ainmhidh. 19 Agus ma bheir duine ciurram air a choimhearsnach, mar a rinn e, mar sin nìthear air: 20 Briseadh (1) air son brisidh, sùil air son sùla, fiacail air son fiacla, mar a thug e ciurram air duine, mar sin nìthear air. 21 Agus esan a mharbhas ainmhidh, dìolaidh se (2) e: agus an neach a mharbhas duine, cuirear gu bàs e. 22 Bithidh an t-aon ghnè lagha agaibh co math air son a’ choigrich, agus air son neach do mhuinntir bhur dùthcha féin: oir is mise an Tighearna bhur Dia. 23 Agus labhair Maois re cloinn Israeil, iad a thoirt leo esan a mhallaich, an taobh a muigh do’n champa, agus a chlachadh le clachaibh (3): agus rinn clann Israeil mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. CAIB. XXV. AGUS labhair an Tighearna re Maois ann an sliabh Shinai, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, ’Nuair a thig sibh chum na tìre a bheir mise dhuibh, ’an sin gleidhidh an tìr sàbaid do’n Tighearna. 3 Sè bliadhnan cuiridh tu t’fhearann (4), agus sè bliadhnan bearraidh (5) tu t’fhìon-lios, agus cruinnichidh tu stigh a thoradh. 4 Ach anns an t-seachdamh bliadhna bithidh sàbaid fois do’n tìr, sàbaid do’n Tighearna: t’fhearann cha chuir thu, agus t’fhìon-lios cha bhearr thu. 5 An ni sin a dh’fhàsas dheth féin do t’fhoghar, cha bhuain thu, agus fìon-dhearca t’fhìonain (6) neo-dheasaichte cha chruinnich thu: ’na bliadhna fois bithidh i do’n tìr. 6 Agus bithidh sàbaid na tìre (7) ’na biadh dhuibh: dhuit féin, agus do d’ òglach agus do d’ bhan-oglaich, agus do d’ fhear-tuarasdail, agus do d’ choigreach a ta air chuairt maille riut; 7 Agus do d’ spréidh, agus do’n fhiadh-bheathach a ta ann ad fhearann; bithidh a cinneas uile chum bìdh. 8 Agus àirmhidh tu dhuit féin seachd sàbaidean do bhliadhnaibh, seachd uairean seachd bliadhna; agus bithidh ùine nan seachd sàbaidean do bhliadhnaibh dhuit ’na naoi bliadhnaibh ’s dà fhichead. 9 ’An sin bheir thu fa’near trompaid na Iubile a shéideadh ’san t-seachdamh mìos, air an deicheamh là do’n mhìos: ann an là na réite bheir sibh fa’near an trompaid a shéideadh air feadh bhur tìre uile. 10 Agus naomhaichidh sibh an deicheamh bliadhna ’s dà fhichead, agus gairmidh sibh saorsa air feadh na dùthcha, d’a luchd-àiteachaidh uile: bithidh i ’na (1) Bristeadh. (2) bheir e air ais. Eabh. (3) a chlochadh le clochaibh. (4) sìol-chuiridh tu t’achadh. (5) deasaichidh. (6) do chraoibh-fìona; t’fhìneamhain. Eir. (7) toradh sàbaid na tìre. [TD 216] LEBHITICUS. CAIB. XXV. Iubile dhuibh, agus pillidh sibh gach duine chum a sheilbh féin, agus pillidh gach duine agaibh g’a theaghlach féin. 11 Bithidh an deicheamh bliadhna sin agus dà fhichead ’na Iubile dhuibh; cha chuir sibh sìol, ni mò a bhuaineas sibh an ni a dh’fhàsas dheth féin innte, ni mò a thionaileas sibh dearcan-fìona innte do d’ fhìonain neo-dheasaichte: 12 Oir is Iubile i, bithidh i naomha dhuibh; ithidh sibh a cinneas as an fhearann. 13 Ann am bliadhna na Iubile so pillidh gach duine agaibh a dh’ionnsuidh a sheilbhe féin. 14 Agus ma reiceas tu bheag re d’ choimhearsnach, no ma cheannaicheas tu bheag o làimh do choimhearsnaich; cha dean sibh eucoir (1) air a’ chéile. 15 A réir àireimh nam bliadhna ’an déigh na Iubile ceannaichidh tu o d’ choimhearsnach, agus a réir àireimh bhliadhna nan toraidh reicidh e riut. 16 A réir lìonmhoireachd nam bliadhna meudaichidh tu a luach, agus a réir teircid nam bliadhna beagaichidh tu a luach: oir a réir àireimh bhliadhna nan toraidh tha e a’ reiceadh riut. 17 Agus cha dean sibh eucoir air a’ chéile: ach bithidh eagal do Dhé ort; oir is mise an Tighearna bhur Dia. 18 Uime sin ni sibh mo reachdan, agus gleidhidh sibh mo bhreitheanais, agus ni sibh iad; agus gabhaidh sibh còmhnuidh ’san tìr ann an tèaruinteachd (2). 19 Agus bheir am fearann a mach a thoradh, agus ithidh sibh bhur sàth, agus gabhaidh sibh còmhnuidh ann gu tèaruinte. 20 Agus ma their sibh, Ciod a dh’itheas sinn air an t-seachdamh bliadhna? feuch, cha chuir sinn sìol, ni mò a chruinnicheas sinn ar toradh: 21 ’An sin àithnidh mise mo bheannachadh oirbh ’san t-seathadh bliadhna, agus bheir i mach toradh air son thri bliadhna. 22 Agus cuiridh sibh air an ochdamh bliadhna, agus ithidh sibh fathast do’n t-seann toradh gus an naothadh bliadhna; gus an d’thig a toradh a stigh, ithidh sibh do’n t-seann toradh. 23 Cha reicear am fearann gu bràth; oir is leamsa am fearann: oir is coigrich agus luchd-cuairt sibhse maille rium. 24 Agus ann am fearann bhur seilbh uile, bheir sibh saorsa (3) do’n fhearann. 25 Ma dh’fhàs do bhràthair bochd, agus gu’n do reic e cuid d’a sheilbh, agus ma thig a h-aon air bith d’a dhillsibh g’a fhuasgladh, ’an sin fuasglaidh e an ni a reic a bhràthair. 26 Agus mur ’eil aig an duine neach g’a fhuasgladh, agus gur urrainn e féin fhuasgladh: 27 ’An sin àirmheadh e bliadhnan a reicidh, agus thugadh e air ais an ni a ta thairis do’n duine ris an do reic se e: a chum’s gu’m pill (4) e dh’ionnsuidh a sheilbhe féin. 28 Agus mur urrainn e sin a thoirt air as da, ’an sin fanaidh an ni sin a reiceadh ann an làimh an neach a cheannaich e, gu bliadhna na Iubile: agus anns (1) foirneart. (2) tèaruntachd. (3) fuasgladh (4) till. (5) ann san. [TD 217] LEBHITICUS. CAIB. XXV. an Iubile théid e mach, agus pillidh e chum a sheilbhe. 29 Agus ma reiceas duine tigh-còmhnuidh ann am baile cuartaichte le balladh, ’an sin feudaidh e fhuasgladh an taobh a stigh do bhliadhn’ iomlain ’an déigh a reiceadh: an taobh a stigh do bhliadhn’ iomlain feudaidh e fhuasgladh. 30 Agus mur fuasglar e gus an coi’-lionar bliadhn’ iomlan; ’an sin daingnichear an tigh, a tha ’n taobh a stigh do’n bhaile cuartaichte le balla, gu bràth dhasan a cheannaich e, air feadh a ghinealacha: cha d’théid e mach san Iubile. 31 Ach measar tighean nam bailtean nach ’eil cuartaichte le balla, mar fhearann na tìre: feudar am fuasgladh, agus théid iad a mach ’san Iubile. 32 Gidheadh, bailtean nan Lebhitheach, agus tighean bhailtean an seilbh, feudaidh na Lebhithich am fuasgladh uair sam bith. 33 Agus ma cheannaicheas duine o na Lebhithich, ’an sin théid an tigh a reiceadh, agus baile a sheilbh, a mach ’san Iubile: oir is iad tighean bhailtean nan Lebhitheach an sealbh am measg chloinn Israeil. 34 Ach cha’n fheudar am fearann a tha’n taobh a muigh d’am bailtibh a reiceadh, oir is e sin an sealbh mhairtheanach (1). 35 Agus ma dh’fhàsas do bhràthair bochd, agus gu’n d’ théid e dhéigh-laimh agad, ’an sin fuasglaidh (2) tu air: seadh, ged’ is coigreach no fear-cuairt e; agus bithidh e beo maille riut. 36 Na gabh riadh uaith no tuille ’s a thug thu dha (3): ach biodh eagal do Dhé ort, a chum’s gu’m feud do bhràthair a bhi beo maille riut. 37 T’ airgiod cha d’thoir thu dha air riadh, agus air son buannachd cha d’thoir thu dha do bhiadh. 38 Is mise an Tighearna bhur Dia, a thug a mach sibh a talamh na h-Eiphit, a thoirt dhuibh tìr Chanaain, agus a bhi ’m Dhia agaibh. 39 Agus ma dh’fhàs do bhràthair a ta làimh riut bochd, agus gu’n do reiceadh riut e; cha d’thoir thu air seirbhis a dheanamh dhuit mar thràill: 40 Mar sheirbhiseach tuarasdail, agus mar fhear-cuairt, bithidh e maille riut; gu bliadhna na Iubile ni e seirbhis dhuit. 41 Agus ’an sin imichidh e uait, e féin agus a chlann maille ris, agus pillidh e chum a theaghlaich féin, agus a chum seilbh aithreacha pillidh e: 42 Oir is iadsan mo sheirbhisich, a thug mi mach a tìr na h-Eiphit: cha reicear iad mar thràillibh. 43 Cha ghnàthaich thu uachdranachd (4) os a cheann le h-an-iochd, ach bithidh eagal do Dhé ort. 44 Agus do thràillean, agus do bhan-tràillean, a bhios agad, do na cinnich a ta m’ar timchioll bithidh iad; uatha-san ceannaichidh sibh tràillean agus ban-tràillean. (1) bhuan, shìorruidh. (2) cabhairidh, fòiridh. (3) teachd a mach, fàs. (4) Cha riaghlaich thu. [TD 218] LEBHITICUS. CAIB. XXVI. 45 Agus a thuilleadh air so, o chloinn nan coigreach a ta air chuairt ’nar measg, uathasan ceannaichidh sibh, agus o’n teaghlaichibh a ta maille ruibh, a ghin iad ’nar fearann: agus bithidh iad ’nan seilbh dhuibh. 46 Agus gabhaidh sibh iad mar oighreachd d’ar cloinn ’nar déigh, a chum an sealbhachadh mar oighreachd, bithidh iad dhuibh ’nan tràillibh a chaoidh: ach os cionn bhur bràithre cloinn Israeil, eadhon os cionn a chéile cha ghnàthaich sibh uachdranachd (1) le h-an-iochd. 47 Agus ma dh’fhàsas fear-cuairt no coigreach saibhir (2) làimh riut, agus ma dh’fhàsas do bhràthair làimh ris bochd, agus gu’n reic se e féin ris a’ choigreach, ris an fhear-chuairt a tha maille riut, no re gineal teaghlaich a’ choigrich: 48 ’An déigh a reiceadh, feudar fhuasgladh a rìs; feudaidh aon d’a bhràithribh fhuasgladh: 49 Feudaidh aon chuid bràthair athar, no mac bhràthar athar fhuasgladh, no feudaidh aon neach a tha dlù ’an dàimh dha d’a theaghlach féin fhuasgladh; no ma’s urrainn e, feudaidh se e féin fhuasgladh. 50 Agus ni e cunntas ris-san a cheannaich e o’n bhliadhna anns an do reiceadh ris e, gu bliadhna na Iubile: agus bithidh luach a reicidh a réir àireimh nam bliadhna, a réir aimsir seirbhisich tuarasdail bithidh e dha. 51 Ma bhios fathast mòran bhliadhnacha re teachd, d’an réir sin bheir e a rìs (3) luach fhuasglaidh, as an airgiod air son an do cheannaicheadh e. 52 Agus mur ’eil re teachd ach beagan bhliadhnacha gu bliadhna na Iubile, ’an sin ni e cunntas ris, agus a réir a bhliadhnacha bheir e dha a rìs luach fhuasglaidh. 53 Mar sheirbhiseach a ta air thuarasdal o bhliadhna gu bliadhna bithidh e maille ris: cha ghnàthaichear uachdranachd os a cheann le h-an-iochd ann do shealladh-sa. 54 Agus mur fuasglar e anns na bliadhnaibh sin, ’an sin théid e mach ann am bliadhna na Iubile, e féin agus a chlann maille ris. 55 Oir dhomhsa tha clann Israeil ’nan seirbhisich; is iadsan mo sheirbhisich, a thug mi mach a tìr na h-Eiphit: Is mise an Tighearna bhur Dia. CAIB. XXVI. CHA dean sibh dhuibh féin ìodholan (4) no coslas snaidhte, agus cha chuir sibh suas ìomhaigh (5) dhuibh féin, ni mò shuidhicheas sibh cloch-dhealbh ’nar fearann, gu cromadh sìos d’i: oir is mise an Tighearna bhur Dia. 2 Gleidhidh sibh mo shàbaidean, agus bheir sibh urram do m’ionad naomha: Is mise an Tighearna. 3 Ma ghluaiseas sibh a’m’ reachdaibh, agus ma ghleidheas sibh m’àitheanta; agus ma ni sibh iad, 4 ’An sin bheir mise dhuibh (1) riaghladh, tighearnas, maighstireachd. (2) beartach. (3) aisigidh e. (4) dealbhan, cuspairean-aoraidh faoin. (5) standing image, statue. Sasg. [TD 219] LEBHITICUS. CAIB. XXVI. uisge (1) ’na àm féin, agus bheir am fearann a mach a thoradh, agus bheir craobhan na machrach am meas uatha. 5 Agus ruigidh bhur bualadh am fìon-fhoghar, agus ruigidh bhur fìon-fhoghar àm an t-sìl-chur, agus ithidh sibh bhur n-aran gu’r sàth, agus gabhaidh sibh còmhnuidh gu tèaruinte ’nar tìr. 6 Agus bheir mise sìth ’san tìr, agus luidhidh sibh sìos, agus cha chuir neach sam bith eagal oirbh: agus sgriosaidh (2) mi droch bheathaichean as an dùthaich, agus cha d’théid an claidheamh tre bhur fearann. 7 Agus ruaigidh sibh bhur naimhdean, agus tuitidh iad romhaibh leis a’ chlaidheamh. 8 Agus cuiridh cùigear dhibh an ruaig air ceud, agus cuiridh ceud dhibh an ruaig air deich mìle: agus tuitidh bhur naimhdean romhaibh leis a’ chlaidheamh. 9 Oir amhaircidh mise oirbh (3), agus ni mi sìolmhor sibh, agus bheir mi oirbh fàs lìonmhor, agus daingnichidh mi mo choi’-cheangal ribh. 10 Agus ithidh sibh an seann lòn, agus bheir sibh a mach an seann lòn air son an lòin nomha (4). 11 Agus suidhichidh mi mo phàilliun ’nar measg: agus cha bhi gràin aig m’anam dhibh. 12 Agus imichidh mi ’nar measg, agus bithidh mi a’m’ Dhia dhuibh, agus bithidh sibhse nar sluagh dhomhsa. 13 Is mise an Tighearna bhur Dia, a thug sibhse a mach a tìr na h-Eiphit, a chum as nach bitheadh sibh ’nar tràillibh aca, agus bhris mi cuibhreach (5) bhur cuinge, agus thug mi oirbh imeachd dìreach. 14 Ach mur éisd sibh rium, agus mur dean sibh na h-àitheanta sin uile: 15 Agus ma ni sibh tàir air mo reachdaibh, no ma ghabhas bhur n-anam gràin do m’ bhreitheanais, air chor as nach dean sibh m’àitheantan uile, ach gu’m bris sibh mo choi’-cheangal; 16 Ni mise mar an ceudna so ribhse, orduichidh mi oirbh uamhas, caitheamh, agus fiabhrus loisgeach, a chaitheas na sùilean, agus a bheir cràdh do’n chridhe: agus cuiridh sibh bhur sìol ann an dìomhanas, oir ithidh bhur naimhdean e. 17 Agus cuiridh mise mo ghnùis ’nar n-aghaidh, agus marbhar sibh ’an làthair bhur naimhdean: agus rìoghaichidh a’ mhuinntir air am beag sibh oirbh, agus teichidh sibh an uair nach bi neach ’an tòir oirbh. 18 Agus mur éisd sibh rium fathast air a shon so uile, ’an sin ni mi peanas oirbh seachd uaire ni’s mò air son bhur peacanna. 19 Agus brisidh mi uabhar bhur cumhachd; agus ni mi bhur neamha mar iarunn, agus bhur talamh mar unga: 20 Agus caithear bhur spionnadh ann an dìomhanas; oir cha d’thoir bhur fearann fhàs uaith, ni mò a bheir craobhan na tìre am meas uatha. 21 Agus ma théid sibh a’m’ aghaidh, agus nach éisd sibh rium; bheir mi seachd uaire tuil- (1) frasachd. (2) fàsaichidh, dìthichidh, fuadaichidh. (3) bithidh spéis agamsa dhuibh. (4) nuadha. (5) bannan. [TD 220] LEBHITICUS. CAIB. XXVI. le phlàighean oirbh a réir bhur peacanna. 22 Cuiridh mi mar an ceudna fiadh-bheathaichean na machrach ’nar measg, a bheir uaibh bhur clann, agus a chuireas as d’ar spréidh, agus a ni sibh tearc ann an àireamh, agus bithidh bhur rathaide (1) mòra fàs. 23 Agus mur leasaichear leamsa sibh leis na nithibh sin, ach gu’n d’théid sibh a’m’ aghaidh: 24 ’An sin théid mise mar an ceudna ’nar n-aghaidh-sa, agus ni mi peanas oirbh seachd uairean fathast air son bhur peacanna. 25 Agus bheir mi claidheamh oirbh, a dhìolas cùis-ghearain mo choi’-cheangail; agus an uair a chruinnichear sibh ’an ceann a chéile an taobh a stigh d’ar bailtibh, cuiridh mi a’ phlàigh ’nar measg; agus bheirear thairis sibh do làimh naimhdean. 26 An uair a bhriseas mise lorg bhur n-arain, fuinidh deich mnài bhur n-aran ann an aon àmhuinn, agus bheir iad air ais dhuibh bhur n-aran air a thomhas, agus ithidh sibh agus cha bhi sibh sàthach. 27 Agus mur éisd sibh air son so uile rium, ach gu’n d’théid sibh a’m’ aghaidh. 28 ’An sin théid mise ’nar n-aghaidh-sa mar an ceudna ann am fraoch feirge: agus smachdaichidh mise, eadhon mise, seachd uaire sibh air son bhur peacanna, 29 Agus ithidh sibh feoil bhur mac, agus feoil bhur nigheana ithidh sibh. 30 Agus cuiridh mise as d’ar n-ionadaibh arda, agus gearraidh mi sìos bhur dealbhan, agus tilgidh mi bhur colannan (2) air colannaibh bhur n-ìodhol, agus gabhaidh m’anam gràin dibh. 31 Agus cuiridh mi bhur bailtean fàs, agus bheir mi lom-sgrìob air (3) bhur n-ionada naomha, agus cha ghabh mi fàile bhur boltrach cùbhraidh (4). 32 Agus bheir mi lom-sgrìob air an fhearann: agus bithidh ioghnadh (5) air bhur naimhdibh a ghabhas còmhnuidh ann, mu’n ni sin. 33 Agus sgapaidh mi sibh am measg nan cinneach, agus tairngidh (6) mi claidheamh ’nar déigh: agus bithidh bhur fearann creachta, agus bhur bailtean fàs. 34 ’An sin mealaidh am fearann a shàbaidean, am fad ’sa luidheas e fàs, agus a bhios sibhse ann am fearann bhur naimhdean; eadhon ’an sin gabhaidh am fearann fois, agus mealaidh e a shàbaidean. 35 Am fad ’s a luidheas am fearann fàs, bithidh fois aige: do bhri’ nach robh fois aige ’nar sàbaidibhsa ’nuair a ghabh sibh còmhnuidh ann (7). 36 Agus orra-san a dh’fhàgar beo dhibh, cuiridh mise laigse (8) ’nan cridheachaibh ann an dùthchaibh an naimhdean; agus cuiridh fuaim duilleig air chrith iad air theicheadh; agus teichidh iad, mar gu’m biodh iad a’ teicheadh o ’n chlaidheamh: agus tuitidh iad an uair nach bi neach ’an tòir orra. 37 Agus tuitidh iad air muin (1) ròide, slighean. (2) cuirp. (3) sgriosaidh mi, fàsaichidh mi. (4) blasda. (5) uamhann. (6) rùisgidh. (7) air. Eabh. (8) laige. [TD 221] LEBHITICUS. CAIB. XXVII. a chéile, mar gu’m b’ann roimh ’n chlaidheamh, ’nuair nach bi neach ’an tòir orra; agus cha bhi neart agaibh gu seasamh roimh bhur naimhdibh. 38 Agus théid as duibh am measg nan cinneach, agus ithidh talamh bhur naimhdean suas sibh. 39 Agus seargaidh iadsan a dh’fhàgar dhibh as ’nan aingidheachd ann an dùthchaibh bhur naimhdean, agus mar an ceudna ann an eu-ceartaibh an aithreacha seargaidh iad as maille riu. 40 Ma dh’aidicheas iad an aingidheachd féin, agus aingidheachd an aithreacha, a réir an eusaontais a rinn iad a’m’ aghaidh, agus mar an ceudna gu’n do ghluais iad a’m’ aghaidh: 41 Agus gu’n do ghluais mise mar an ceudna ’nan aghaidh-san, agus gu’n d’thug mi iad do dhùthaich an naimhdean; ma bhios ’an sin an cridhe neo-thimchioll-ghearrt’ air irioslachadh (1), air chor as gu’n gabh iad re peanas an aingidheachd. 42 ’An sin cuimhnichidh mise mo choi’-cheangal re Iacob, agus mar an ceudna mo choi’-cheangal re h-Isaac, agus mar an ceudna mo choi’-cheangal re h-Abraham cuimhnichidh mi, agus cuimhnichidh mi am fearann. 43 Tréigear mar an ceudna am fearann leo, agus mealaidh e a shàbaidean, am feadh ’s a ta e ’na luidhe fàs an eugmhais; agus gabhaidh iad re peanas an aingidheachd; a chionn, eadhon a chionn gu’n d’rinn iad tàir air mo bhreitheanais, agus a chionn gu’n do ghabh an anam gràin do m’ reachdaibh. 44 Agus gidheadh air a shon so uile, ’nuair a bhios iad ann an tìr an naimhdean, cha tilg mi uam iad, ni mò a ghabhas mi gràin diubh, g’an sgrios gu tur, agus a bhriseadh mo choi’-cheangail riu: oir is mise an Tighearn an Dia. 45 Ach air an sgàth-san cuimhnichidh mi coi’-cheangal an sinnsirean, a thug mi mach a tìr na h-Eiphit, ann an sealladh nan cinneach, a chum as gu’m bithinn a’m’ Dhia aca: Is mise an Tighearna. 46 Is iad sin na h-orduighean, agus na breitheanais, agus na reachdan, a rinn an Tighearn eadar e féin agus clann Israeil, ann an sliabh Shinai, le làimh Mhaois. CAIB. XXVII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, ’Nuair a bheir duine bòid àraidh (2), buinidh na h-anmanna (3) do’n Tighearn, a réir do mheas: 3 Agus bithidh do mheas, air an fhirionnach o fhichead bliadhna dh’aois, eadhon gu tri fichead bliadhna dh’aois; bithidh eadhon do mheas leth-cheud secel airgid, a réir seceil an ionaid naomha. 4 Agus ma’s bainionnach a bhios ann, ’an sin bithidh do mheas deich seceil ’ar fhichead. 5 Agus ma’s gille o chùig bliadhna dh’aois, eadhon gu fichead bliadhna dh’aois a bhios ann, ’an sin bithidh do mheas (1) irisleachadh. (2) shònraichte. (3) pearsanna. [TD 222] LEBHITICUS. CAIB. XXVII. air son an fhirionnaich fichead secel, agus air son na bainionnaich deich seceil. 6 Agus ma’s ann o mhìos a dh’aois, eadhon gu cùig bliadhna dh’aois; ’an sin bithidh do mheas air son an fhirionnaich cùig seceil airgid, agus air son na bainionnaich bithidh do mheas tri seceil airgid. 7 Agus ma’s ann a bhios e o thri fichead bliadhna dh’aois agus os a chionn, ma’s firionnach e, ’an sin bithidh do mheas cùig seceil deug, agus air son bainionnaich deich seceil. 8 Ach ma bhios e ni’s bochda na do mheas, ’an sin nochdaidh se e féin ’an làthair an t-sagairt, agus measaidh an sagart e: a réir a chomais-san a thug a’ bhòid, measaidh an sagart e. 9 Agus ma’s ainmhidh e d’an d’thoir daoine tabhartas a dh’ionnsuidh an Tighearna; bithidh gach ni a bheir duine d’an leithidibh sin do’n Tighearna, naomha. 10 Cha mhùth (1) se e, ni mò mhalairticheas se e, math air son uilc, no olc air son maith: ach ma mhalairticheas e air chor sam bith ainmhidh air son ainmhidh; ’an sin bithidh e féin, agus an ni a fhuaradh ’na mhalairt, naomha. 11 Agus ma’s ainmhidh neo-ghlan sam bith e, do nach d’thoir iad seachad tabhartas do’n Tighearna; ’an sin nochdaidh e ’n t-ainmhidh ’an làthair an t-sagairt: 12 Agus measaidh an sagart e, ma’s math no olc e; mar a mheasas tusa a bhios a’d’ shagart e, mar sin bithidh e. 13 Ach ma dh’fhuasglas e air chor sam bith e, ’an sin cuiridh e an cùigeadh cuid deth re d’ mheas-sa. 14 Agus an uair a choisrigeas duine a thigh, gu bhi naomha do’n Tighearna, ’an sin measaidh an sagart e, ma’s math no olc e: mar a mheasas an sagart e, mar sin seasaidh e. 15 Agus ma dh’fhuasglas esan a choisrig e, a thigh, ’an sin cuiridh e an cùigeadh cuid a dh’airgiod do mheas-sa ris, agus bithidh e leis. 16 Agus ma choisrigeas duine do’n Tighearna cuid do fhearann a sheilbh, ’an sin bithidh do mheas a réir a shìl (2): measar homer do shìol eorna aig leth-cheud secel airgid. 17 Ma choisrigeas e fhearann o bhliadhna na Iubile, a réir do mheas seasaidh e. 18 Ach ma choisrigeas e fhearann ’an déigh na Iubile, ’an sin àirmhidh (3) an sagart an t-airgiod da a réir nam bliadhn’ a ta re teachd (4), eadhon gu bliadhna na Iubile, agus leigear sin sìos do d’ mheas. 19 Agus ma dh’fhuasglas am fear a choisrig am fearann e air chor sam bith; ’an sin cuiridh e an cùigeadh cuid a dh’airgiod do mheas-sa ris, agus daingnichear dha e. 20 Agus mur fuasgail e ’m fearann, no ma reic e ’m fearann re duin’ eile, cha ’n fhuasglar ni’s mò e. 21 Ach bithidh am fearann, an uair a théid e mach ’san Iubile, naomha do’n Tighearna, mar fhearann coisrigte (5): buinidh a shealbh do’n t-sagart. (1) Cha’n atharraich, cha chaochail. (2) churachd. (3) cunntaidh. (4) a mhaireas. (5) air a chur air leth. [TD 223] LEBHITICUS. CAIB. XXVII. 22 Ach ma choisrigeas duine do’n Tighearna fearann a cheannaich e, nach ann do fhearann a sheilbh; 23 ’An sin àirmhidh an sagart dha luach do mheas, eadhon gu bliadhna na Iubile, agus bheir e seachad do mheas féin ’san là sin, mar ni naomha do’n Tighearna. 24 Ann am bliadhna na Iubile pillidh am fearann d’a ionnsuidh-san o’n do cheannaicheadh e, eadhon d’a ionnsuidh-san d’am buineadh sealbh an fhearainn. 25 Agus bithidh do mheas-sa uile a réir seceil an ionaid naomha; bithidh fichead gerah ’san t-secel. 26 Ach ceud-ghin nan ainmhidhean, bu chòir a bhi ’na cheud-ghin do’n Tighearna, cha choisrig duine air bith sin, co dhiubh is tarbh, no caora e: is leis an Tighearn e. 27 Ach ma’s ann do bheathach neo-ghlan e, ’an sin fuasglaidh se e a réir do mheas-sa, agus cuiridh e an cùigeadh cuia deth ris; no mar fuasglar e, ’an sin reicear e a réir do mheas. 28 Gidheadh cha reicear agus cha ’n fhuasglar ni sam bith coisrigte a choisrigeas duine do’n Tighearna, do gach ni a ta aige, araon do dhuine agus do ainmhidh, agus do fhearann a sheilbh: tha gach ni coisrigte ro-naomha do’n Tighearna. 29 Cha ’n fhuasglar ni sam bith coisrigte, a choisrigear le daoinibh: ach cuirear gu cinnteach gu bàs e. 30 Agus uile dheachamh an fhearainn, ma’s ann do shìol an fhearainn no do mheas na craoibhe, is leis an Tighearn e: tha e naomha do’n Tighearna. 31 Agus ma dh’fhuasglas duine idir a’ bheag d’a dheachamh, cuiridh e an cùigeadh cuid deth ris. 32 Agus a thaobh uile dheachaimh a’ chruidh no an treud, eadhon gach ni air bith a dh’imicheas fa’n t-slait; bithidh an deachamh dheth naomha do’n Tighearna. 33 Cha rannsaich e am bi e math no olc, ni mò a mhalairticheas se e: agus ma mhalairticheas e idir e, ’an sin bithidh an dà chuid e féin agus a mhalairt naomha; cha ’n fhuasglar e. 34 Is iad sin na h-àitheantan a dh’àithn an Tighearna do Mhaois air son chloinn Israeil, ann an sliabh Shinai. [TD 224] AIREAMH. CAIB. I. AGUS labhair an Tighearna re Maois ann am fàsach Shinai, ann am pàilliun a’ choi’-thionail, air a’ cheud là do’n dara mìos, ’san dara bliadhna, ’an déigh dhoibh teachd a mach a tìr na h-Eiphit, ag ràdh, 2 Gabhaibh àireamh (1) cheann co’-chruinnich chloinn Israeil uile, a réir (2) an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, maille re àireamh an ainmeanna, gach firionnach a réir an ceann: 3 O fhichead bliadhna dh’aois, agus os a cheann, gach aon a’s urrainn dol a mach gu cogadh ann an Israel; àirmhidh tusa agus Aaron iad a réir an armailtean (3). 4 Agus maille ribhse bithidh duine do gach uile thréibh: gach aon diubh ’na cheann tighe aithreacha. 5 Agus is iad so ainmeanna nan daoine a sheasas maille ribh: Do thréibh Reubein; Elisur mac Shedeuir. 6 Do Shimeon; Selumiel mac Shurisadai. 7 Do Iudah; Nahson mac Aminadaib. 8 Do Isachar; Nataneel mac Shuair. 9 Do Shebulun; Eliab mac Heloin. 10 Do chloinn Ioseiph; do Ephraim, Elisama mac Amihuid; do Mhanaseh, Gamaliel mac Phadahsuir. 11 Do Bheniamin; Abidan Mac Ghideoni. 12 Do Dhan; Ahieser mac Amisadai. 13 Do Aser; Pagiel mac Ocrain. 14 Do Ghad; Eliasaph mac Dheueil. 15 Do Naphtali; Ahira mac Enain. 16 B’ iad sin daoin’ ainmeil (4) a’ cho’-chruinnich, cinn-fheadhna threubhan an aithreacha, ceannardan mhìlte ann an Israel. 17 Agus ghabh Maois agus Aaron na daoine sin, a ghairmeadh air an ainmibh. 18 Agus thionail iad an co’-chruinneach uile ’an ceann a chéile air a’ cheud là do’n dara mìos, agus chuir iad ’an céill an ginealacha réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh (5) nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus thairis, a réir an ceann. 19 Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin dh’àireamh e iad ann am fàsach Shinai. 20 Agus bha clann Reubein a’ mhic bu shine bh’aig Israel, a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan (1) cunntas. (2) do réir. (3) slòigh, buidhnean. (4) daoin’ alloil. (5) ann an àireamh. Eabh. [TD 225] AIREAMH. CAIB. I. ainmean, a réir an ceann, gach firionnach o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh; 21 Iadsan a dh’àirmheadh dhiubh, eadhon do thréibh Reubein, bha iad ann dà fhichead agus sè mìle agus cùig ceud. 22 Do chloinn Shimeoin, a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a réir àireimh nan ainmean, a réir an ceann, gach firionnach o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh; 23 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Shimeoin, b’iad leth-cheud agus naoi mìle agus tri cheud. 24 Do chloinn Ghad, a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichen, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh; 25 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Ghad, b’iad dà fhichead agus cùig mìle agus sè ceud agus leth-cheud. 26 Do chloinn Iudaih a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh; 27 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Iudaih, b’iad tri fichead agus ceithir mìle deug agus sè ceud. 28 Do chloinn Isachair, a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois, agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh; 29 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Isachair, b’iad leth-cheud agus ceithir mìle agus ceithir cheud. 30 Do chloinn Shebuluin, a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh; 31 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Shebuluin, b’ iad leth-cheud agus seachd mìle agus ceithir cheud. 32 Do chloinn Ioseiph, eadhon do chloinn Ephraim, a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh; 33 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Ephraim, b’ iad dà fhichead mìle agus cùig ceud. 34 Do chloinn Mhanaseh, a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach [TD 226] AIREAMH. CAIB. I. aon a b’ urrainn dol a mach gu cogadh; 35 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Mhanaseh, b’ iad dà mhìle dheug ’ar fhichead agus dà cheud. 36 Do chloinn Bheniamin, a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh; 37 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Bheniamin, b’ iad cùig mìle deug ’ar fhichead agus ceithir cheud. 38 Do chloinn Dhan, a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh; 39 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Dhan, b’ iad tri fichead agus dà mhìle agus seachd ceud. 40 Do chloinn Aseir a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh; 41 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Aseir, b’ iad aon mhìle agus dà fhichead agus cùig ceud. 42 Do chloinn Naphtali a réir an ginealacha, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, a réir àireimh nan ainmean, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’ urrainn dol a mach gu cogadh; 43 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, eadhon do thréibh Naphtali, b’iad tri mìle deug agus dà fhichead agus ceithir cheud. 44 Sin iadsan a chaidh àireamh, a dh’àireamh Maois agus Aaron, agus ceannardan Israeil, eadhon dà fhear dheug: bha gach fear diubh air son tighe aithreacha. 45 Mar sin bha iadsan uile a chaidh àireamh do chloinn Israeil, a réir tighe an aithreacha, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, gach aon a b’urrainn dol a mach gu cogadh ann an Israel; 46 Eadhon iadsan uile a chaidh àireamh, b’ iad sè ceud mìle agus tri mìle agus cùig ceud agus leth-cheud. 47 Ach cha deachaidh na Lebhithich, a réir tréibh an aithreacha, àireamh ’nam measg: 48 Oir labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 49 A mhàin treubh Lebhi cha ’n àireamh thu, ni mò a ghabhas tu an cunntas cheann am measg chloinn Israeil: 50 Ach orduichidh tu na Lebhithich os ceann pàilliuin na fianuis, agus os ceann a shoithichean uile, agus os ceann nan uile nithe a bhuineas da: giùlainidh iad am pàilliun, agus a shoithichean uile, agus frithealaidh iad da, agus campaichidh iad m’an cuairt air a’ phàilliun. 51 Agus an uair a bhios am pàilliun gu dol air aghaidh, leagaidh na Lebhithich a nuas e: agus an uair a bhios am pàilliun r’a shuidheachadh, togaidh na Le- [TD 227] AIREAMH. CAIB. II. bhithich suas e: agus an coigreach a thig am fagus, cuirear gu bàs e. 52 Agus suidhichidh clann Israeil am bùthan gach duine làimh r’a chuideachd (1) féin, agus gach duine làimh r’a bhrataich féin, air feadh an armailtean (2). 53 Ach suidhichidh na Lebhithich am bùthan m’an cuairt air pàilliun na fianuis; a chum’s nach bi corruich air co’-chruinneach chloinn Israeil, agus gleidhidh (3) na Lebhithich cùram pàilliuin na fianuis. 54 Agus rinn clann Israeil a réir nan uile nithe a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad. CAIB. II AGUS labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, ag ràdh, 2 Suidhichidh gach duine do chloinn Israeil làimh r’a bhrataich féin, maille re suaichiontas (4) tighe an aithreacha: fad as m’an cuairt air pàilliun a’ choi’-thionail suidhichidh iad. 3 Agus air taobh na h-airde ’n ear leth re éirigh na gréine, suidhichidh luchd brataich champa Iudaih a réir an armailtean: agus bithidh Nahson mac Aminadaib ’na cheannard (5) air cloinn Iudaih. 4 Agus armailt-san, eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad tri fichead agus ceithir mìle deug agus sè ceud. 5 Agus am fagus da suidhichidh treubh Isachair: agus bithidh Nataneel mac Shuair ’na cheannard air cloinn Isachair. 6 Agus armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, b’iad leth-cheud agus ceithir mìle agus ceithir cheud. 7 ’An sin treubh Shebuluin: agus bithidh Eliab mac Heloin ’na cheannard air cloinn Shebuluin. 8 Agus armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, b’iad leth-cheud agus seachd mìle agus ceithir cheud. 9 Na h-uile chaidh àireamh ann an campa Iudaih, b’iad ceud mìle agus ceithir fichead mìle agus sè mìle agus ceithir cheud, a réir an armailtean: is iad so a théid a mach air thùs. 10 Air taobh na h-airde deas bithidh bratach champa Reubein, a réir an armailtean: agus ’na cheannard air cloinn Reubein, bithidh Elisur mac Shedeuir. 11 Agus armailt-san agus iadsan a chaidh àireamh dhith, b’iad dà fhichead agus sè mìle agus cùig ceud. 12 Agus làimh ris suidhichidh treubh Shimeoin; agus bithidh Selumiel mac Shurisadai ’na cheannard air cloinn Shimeoin. 13 Agus armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, b’ iad leth-cheud agus naoi mìle agus tri cheud. 14 ’An sin treubh Ghad: agus ’na cheannard air mic Ghad, bithidh Eliasaph mac Reueil. 15 Agus armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’ iad dà fhichead agus cùig mìle agus sè ceud agus leth-cheud. 16 Na h-uile a chaidh àireamh (1) champa. Eabh. (2) slòigh. (3) coimhididh. (4) suaitheantas. (5) chaiptein. [TD 228] AIREAMH. CAIB. II. ann an campa Reubein, b’ iad ceud mìle agus leth-cheud, agus aon mhìle, agus ceithir-cheud agus leth-cheud, a réir an armailtean: agus théid iadsan a mach ’san dara ordugh (1). 17 ’An sin théid pàilliun a’ choi’-thionail air aghaidh maille re campa nan Lebhitheach am meadhon a’ champa (2): mar a champaicheas iad, mar sin théid iad air an aghaidh, gach duine ’na àite féin làimh r’am brataichibh. 18 Air taobh na h-airde ’n iar bithidh bratach champa Ephraim, a réir an armailtean; agus bithidh Elisama mac Amihuid, ’na cheannard air mic Ephraim. 19 Agus armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’ iad dà fhichead mìle agus cùig ceud. 20 Agus làimh ris-san bithidh treubh Mhanaseh: agus bithidh Gamaliel mac Phedahsuir, ’na cheannard air cloinn Mhanaseh. 21 Agus armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad dà mhìle dheug ’ar fhichead agus dà cheud. 22 ’An sin treubh Bheniamin: agus bithidh Abidan mac Ghideoni, ’na cheannard air mic Bheniamin. 23 Agus armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’ iad cùig mìle deug ’ar fhichead agus ceithir cheud. 24 Iadsan uile a dh’àirmheadh do champa Ephraim, b’ iad ceud mìle agus ochd mìle agus ceud, a réir an armailtean: agus théid iadsan air an aghaidh ’san treas ordugh. 25 Bithidh bratach champa Dhan air taobh na h-airde tuath a réir an armailtean: agus bithidh Ahieser mac Amisadai ’na cheannard air cloinn Dhan. 26 Agus armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’ iad tri fichead agus dà mhìle agus seachd ceud. 27 Agus làimh ris campaichidh treubh Aseir: agus bithidh Pagiel mac Ocrain, ’na cheannard air cloinn Aseir. 28 Agus armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’ iad dà fhichead agus aon mhìle agus cùig ceud. 29 ’An sin treubh Naphtali: agus bithidh Ahira mac Enain ’na cheannard air cloinn Naphtali. 30 Agus armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’ iad leth-cheud agus tri mìle agus ceithir-cheud. 31 Iadsan uile a chaidh àireamh ann an campa Dhan, b’iad ceud mìle agus leth-cheud agus seachd mìle agus sè ceud: Imichidh iadsan fa dheireadh le’m brataichibh. 32 Is iad sin iadsan a’ dh’àirmheadh do chloinn Israeil, a réir tighe an aithreacha, iadsan uile a chaidh àireamh do na campaibh a réir an armailtean, b’ iad sè ceud mìle agus tri mìle agus cùig ceud agus leth-cheud. 33 Ach cha d’àirmheadh na Lebhithich am measg chloinn Israeil, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 34 Agus rinn clann Israeil a (1) ’san dara h-àite. (2) a’ chaimp. [TD 229] AIREAMH. CAIB. III. réir gach ni a dh’àithn an Tighearna do Mhaois: mar sin champaich iad làimh r’am brataichibh, agus mar sin chaidh iad air an aghaidh, gach aon a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha. CAIB. III. IS iad so mar an ceudna ginealaich Aaroin agus Mhaois, ’san là anns an do labhair an Tighearna re Maois ann an sliabh Shinai. 2 Agus is iad so ainmean mhac Aaroin; Nadab an ceud-ghin, agus Abihu, Eleasar, agus Itamar. 3 Is iad sin ainmeanna mhac Aaroin, na sagairt a dh’ungadh, a choisrig e gu frithealadh ann an dreuchd an t-sagairt. 4 Agus fhuair Nadab agus Abihu bàs ’an làthair an Tighearna, ’nuair a thug iad suas teine coimheach ’an làthair an Tighearna, ann am fàsach Shinai, agus cha robh clann aca: agus fhritheil Eleasar agus Itamar ann an dreuchd an t-sagairt, ann an sealladh Aaroin an athar. 5 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 6 Thoir treubh Lebhi am fagus, agus taisbein iad ’an làthair Aaroin an t-sagairt, a chum’s gu’m fritheil iad dha. 7 Agus gleidhidh iad a chùram-san, agus cùram a’ choi’-thionail uile air beulaobh pàilliuin a’ choi’-thionail, a dheanamh seirbhis (1) a’ phàilliuin. 8 Agus gleidhidh iad uile shoithichean (2) pàilliuin a’ choi’-thionail, agus cùram chloinn Israeil, a dheanamh seirbhis a’ phàilliuin. 9 Agus bheir thu na Lebhithich do Aaron agus d’a mhic: tha iad air an tabhairt da gu h-iomlan a mach a cloinn Israeil. 10 Agus orduichidh tu Aaron agus a mhic, agus feithidh iadsan air dreuchd an t-sagairt: agus an coigreach a thig am fagus, cuirear gu bàs e. 11 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 12 Agus mise, feuch, ghabh mi na Lebhithich o mheasg chloinn Israeil, ’an àite a’ cheud-ghin uile a dh’fhosgaileas a’ bhrù am measg chloinn Israeil: agus is leamsa na Lebhithich; 13 A chionn gur leamsa gach uile cheud-ghin; oir air an là anns an do bhuail mi gach ceud-ghin ann an tìr na h-Eiphit, naomhaich mi dhomh féin gach ceud-ghin ann an Israel, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa iad: Is mise an Tighearna. 14 Agus labhair an Tighearna re Maois ann am fàsach Shinai, ag ràdh, 15 Aireamh clann Lebhi a réir tighe an aithreacha, a réir an teaghlaichean: gach firionnach o mhìos a dh’aois agus os a cheann, àirmhidh tu iad. 16 Agus dh’àireamh Maois iad a réir focail an Tighearna, mar a thugadh àithne dha. 17 Agus b’iad so mic Lebhi a réir an ainmean; Gerson agus Cohat, agus Merari. 18 Agus is iad so ainmean mhac Ghersoin a réir an teaghlaichean; Libni agus Simei. (1) frithealaidh. (2) airneis. [TD 230] AIREAMH. CAIB. III. 19 Agus mic Chohait a réir an teaghlaichean; Amram agus Idsar, Hebron agus Udsiel. 20 Agus mic Mherari a réir an teaghlaichean; Mahli, agus Musi: is iad sin teaghlaichean nan Lebhitheach, a réir tighe an aithreacha. 21 O Gherson bha teaghlach Libni, agus teaghlach Shimei: is iad sin teaghlaichean nan Gersonach. 22 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a réir àireimh nam firionnach uile o mhìos a dh’aois agus os a cheann, eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad seachd mìle agus cùig ceud. 23 Suidhichidh teaghlaichean nan Gersonach air cùlaobh a’ phàilliuin air taobh na h-airde ’n iar. 24 Agus bithidh Eliasaph mac Laeil, ’na cheann tighe athar nan Gersonach. 25 Agus air cùram (1) mhac Ghersoin, ann am pàilliun (2) a’ choi’-thionail, bithidh am pàilliun féin, agus am bùth, a chòmhdach, agus am brat air son doruis pàilliuin a’ choi’-thionail, 26 Agus cùirteine na cùirte, agus am brat air son doruis na cùirte, a ta làimh ris a’ phàilliun, agus làimh ris an altair m’an cuairt, agus a cuird, air son a seirbhis uile. 27 Agus o Chohat bha teaghlach nan Amramach, agus teaghlach nan Idseharach, agus teaghlach nan Hebronach, agus teaghlach nan Udsielach: is iad sin teaghlaichean nan Cohatach. 28 Ann an àireamh nam firionnach uile o mhìos a dh’aois agus os a cheann, bha ochd mìle agus sè ceud, a bha gleidheadh cùraim (3) an ionaid naomha. 29 Suidhichidh teaghlaichean mhac Chohait air taobh a’ phàilliuin mu dheas. 30 Agus bithidh Elisaphan mac Udsieil ’na cheann tighe athar theaghlaichean nan Cohatach. 31 Agus air an cùram-san bithidh an àirc, agus am bord, agus an coinnleir, agus na h-altairean, agus soithichean an ionaid naomha, leis am fritheil iad, agus am brat, agus a sheirbhis uile. 32 Agus bithidh Eleasar mac Aaroin an t-sagairt ’na cheannard air ceannardaibh (4) nan Lebhitheach, agus bithidh sùil aig orra-san a bhios a’ gleidheadh cùraim an ionaid naomha. 33 O Mherari bha teaghlach nam Mahlach, agus teaghlach nam Musitheach: is iad sin teaghlaichean Mherari. 34 Agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a réir àireimh nam firionnach uile o mhìos a dh’aois agus os a cheann, b’iad sè mìle agus dà cheud. 35 Agus b’e Suriel mac Abihail ceann tighe athar theaghlaichean Mherari; suidhichidh iadsan air taobh a’ phàilliuin mu thuath. 36 Agus fa choimhead agus cùram mhac Mherari bithidh buird a’ phàlliuin, agus a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn, agus a shoithichean uile, agus gach ni a fhrithealas da, 37 Agus puist na cùirte m’an cuairt agus am buinn, agus am pinneachan, agus an cuird. (1) fa choimhead. (2) bùth. Eabh. (3) a’ gleidheadh faire. (4) uaislibh, daoine urramach. [TD 231] AIREAMH. CAIB. IV. 38 Ach iadsan a champaicheas air beulaobh a’ phàilliuin air taobh na h-airde ’n ear, eadhon air beulaobh pàilliuin a’ choi’-thionail leth re éirigh na gréine, is iad Maois agus Aaron, agus a mhic, a’ gleidheadh cùraim an ionaid naomha, air son cùraim chloinn Israeil; agus an coigreach a thig am fagus, cuirear gu bàs e. 39 Iadsan uile a chaidh àireamh do na Lebhithich, a dh’àireamh Maois agus Aaron a réir àithne an Tighearna, a réir an teaghlaichean, na firionnaich uile o mhìos a dh’aois agus os a cheann, b’iad dà mhìle thar fhichead. 40 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Aireamh gach ceud-ghin a ta ’na fhirionnach do chloinn Israeil o mhìos a dh’aois agus os a cheann, agus gabh àireamh an ainmean. 41 Agus gabhaidh tu na Lebhithich dhomhsa (Is mise an Tighearna) ’an àite nan ceud-ghin uile am measg chloinn Israeil; agus spréidh nan Lebhitheach ’an àite nan ceud-ghin uile am measg spréidhe chloinn Israeil. 42 Agus dh’àireamh Maois, mar a dh’àithn an Tighearna dha, gach ceud-ghin am measg chloinn Israeil. 43 Agus gach ceud-ghin a bha ’na fhirionnach, a réir àireimh nan ainmean, o mhìos a dh’aois agus os a cheann, dhiubhsan a chaidh àireamh diubh, b’ iad dà mhìle thar fhichead dà cheud agus tri fichead agus tri-deug. 44 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh. 45 Gabh na Lebhithich ’an àite nan ceud-ghin uile am measg chloinn Israeil, agus spréidh nan Lebhitheach ’an àite an spréidhe-san, agus bithidh na Lebhithich leamsa: Is mise an Tighearna. 46 Agus air an son-san a ta gu bhi air am fuasgladh do’n dà cheud agus an tri fichead agus an tri-deug, do cheud-ghin chloinn Israeil, a tha ni’s lìon-mhoire na na Lebhithich; 47 Gabhaidh tu eadhon cùig seceil am fear air an ceann, a réir seceil an ionaid naomha gabhaidh tu iad: is e ’n secel fichead gerah. 48 Agus bheir thu ’n t-airgiod leis am fuasglar an àireamh chòrr diubh do Aaron agus d’a mhic. 49 Agus ghabh Maois an t-airgiod fuasglaidh uatha-san a bha thuilleadh orra-san a dh’fhuasgladh leis na Lebhithich. 50 O cheud-ghin chloinn Israeil ghabh e ’n t-airgiod: mìle tri cheud agus tri fichead agus cùig seceil, a réir seceil an ionaid naomha. 51 Agus thug Maois airgiod na muinntir sin a dh’fhuasgladh, do Aaron, agus d’a mhic, a réir focail an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. CAIB. IV. AGUS labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, ag ràdh, 2 Gabh àireamh mhac Chohait o mheasg mac Lebhi, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha; 3 O dheich bliadhna fichead a dh’aois agus os a cheann, [TD 232] AIREAMH. CAIB. IV. eadhon gu leth-cheud bliadhna dh’aois, gach neach a théid a steach do’n armailt, a dheanamh na h-oibre an am pàilliun a’ choi’-thionail. 4 So an t-seirbhis a bhios aig mic Chohait ann am pàilliun a’ choi’-thionail mu thimchioll nan nithe ro-naomha. 5 Agus an uair a bhios an campa gu dol air aghaidh (1), thig Aaron agus a mhic, agus bheir iad a nuas brat a’ chòmhdaich, agus còmhdaichidh iad àirc na fianuis leis. 6 Agus cuiridh iad oirre an còmhdachadh do chroicnibh bhroc, agus sgaoilidh iad os a ceann eudach uile do ghorm, agus cuiridh iad a bataichean innte. 7 Agus air bord arain na fianuis sgaoilidh iad eudach do ghorm, agus cuiridh iad air na miasan (2), agus na tùiseirean (3) agus na copain (4), agus na cuachan leis an d’thoirear seachad tabhartas-dibhe (5): agus bithidh an t-aran ’an còmhnuidh air. 8 Agus sgaoilidh iad orra eudach scarlaid, agus còmhdaichidh iad sin le còmhdachadh do chroicnibh bhroc, agus cuiridh iad a bhataichean ann. 9 Agus gabhaidh iad eudach do ghorm, agus còmhdaichidh iad coinnleir an t-soluis, agus a lòchrain, agus a chlobhachan (6), agus a smàl-shoithichean, agus a shoithichean-olaidh uile, leis am fritheil iad da. 10 Agus cuiridh iad e féin agus a shoithichean uile ann an còmhdachadh do chroicnibh bhroc, agus cuiridh iad air lunn e. 11 Agus air an altair òir sgaoilidh iad eudach do ghorm, agus còmhdaichidh iad i le còmhdachadh do chroicnibh bhroc, agus cuiridh iad ria a bataichean. 12 Agus gabhaidh iad na h-innil frithealaidh uile, leis am fritheil iad ’san ionad naomha, agus cuiridh iad ann an eudach do ghorm iad, agus còmhdaichidh iad le còmhdachadh do chroicnibh bhroc iad, agus cuiridh iad air lunn iad. 13 Agus bheir iad air falbh an luath o’n altair, agus sgaoilidh iad eudach corcuir (7) oirre; 14 Agus cuiridh iad oirre a soithichean uile, leis am fritheil iad m’a timchioll, eadhon na tùiseirean (8), na greimichean-feòla, agus na sluasaidean, agus na cuachan (9), soithichean na h-altarach uile; agus sgaoilidh iad oirre còmhdachadh do chroicnibh bhroc, agus cuiridh iad ria a bataichean. 15 Agus crìochnaichidh Aaron agus a mhic còmhdachadh an ionaid naomha, agus uile shoithichean an ionaid naomha, ’nuair a bhios an campa gu dol air aghaidh; agus ’an déigh sin thig mic Chohait g’an giùlan: ach cha bhean iad re ni naomha sam bith, an t-eagal gu’m bàsaich iad, Is iad na nithe sin eallach mhac Chohait ann am pàilliun a’ choi’-thionail. 16 Agus do dhreuchd Eleasair mhic Aaroin an t-sagairt, buinidh an ola chum an t-soluis, agus an tùis chùbhraidh, agus an tabhartas-bìdh lathail, agus an oladh-ungaidh, agus cùram (10), (1) re atharrachadh. (2) soithichean. (3) liaghan, spàinean. (4) cupain. (5) na còmhdaichean g’a chòmhdachadh. (6) a theanchairean. (7) purpuir. (8) tùis-shoithichean. (9) soithichean-crathaidh. (10) sùil-bheachd. [TD 233] AIREAMH. CAIB. IV. a’ phàilliuin uile, agus nan uile nithe a ta ann, ’san ionad naomha, agus ’na shoithichibh. 17 Agus labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, ag ràdh, 18 Na gearraibh as treubh theaghlaichean nan Cohatach o mheasg nan Lebhitheach. 19 Ach so ni sibh riu, chum as gu’m bi iad beo agus nach bàsaich iad, an uair a thig iad am fagus do na nithibh ro-naomha; théid Aaron agus a mhic a steach, agus orduichidh siad iad gach aon d’a sheirbhis féin, agus d’a eallaich. 20 Ach cha d’théid iad a steach a dh’fhaicinn an uair a chòmhdaichear na nithe naomha, an t-eagal gu’m faigh iad bàs. 21 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 22 Gabh mar an ceudna àireamh mhac Ghersoin, a réir tighe an aithreacha, a réir an teaghlaichean. 23 O dheich bliadhna fichead a dh’aois agus os a cheann, gu leth-cheud bliadhna dh’aois àirmhidh tu iad; gach neach a théid a steach a dheanamh na seirbhis, a dheanamh na h-oibre ann am pàilliun a’ choi’-thionail. 24 Is i so seirbhis theaghlaichean nan Gersonach, seirbhis a dheanamh, agus eallach a ghiùlan (1). 25 Agus giùlainidh iad cùirteinean a’ phàilliuin, agus pàilliun a’ choi’-thionail, a chòmhdach, agus an còmhdach do chroicnibh bhroc, a ta shuas thairis air, agus brat doruis pàilliuin a’ choi’-thionail. 26 Agus cùirteine na cùirte, agus brat doruis geataidh na cùirte a ta làimh ris a’ phàilliun agus ris an altair m’an cuairt, agus an cuird, agus innil am frithealaidh uile, agus gach ni a rinneadh air an son: mar so ni iad seirbhis. 27 A réir focail Aaroin agus a mhac bithidh uile sheirbhis mhac nan Gersonach, ’nan eallachaibh uile, agus ’nan seirbhis uile: agus orduichidh sibh dhoibh mar an cùram an eallachan uile. 28 Is i so seirbhis theaghlaichean mhac Ghersoin, ann am pàilliun a’ choi’-thionail; agus bithidh an cùram fuidh làimh Itamair mhic Aaroin an t-sagairt. 29 A thaobh mhac Mherari, àirmhidh tu iad a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha. 30 O dheich bliadhna fichead a dh’aois agus os a cheann, eadhon gu leth-cheud bliadhna dh’aois àirmhidh tu iad, gach aon a théid a steach do’n t-seirbhis, a dheanamh oibre pàilliuin a’ choi’-thionail. 31 Agus is e so cùram an eallaich, a réir an seirbhis uile ann am pàilliun a’ choi’-thionail; buird a’ phàilliuin, agus a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn, 32 Agus puist na cùirte m’an cuairt, agus am buinn, agus am pinneacha (2), agus an cuird, maille r’an innealaibh uile, agus maille r’an seirbhis uile: agus air an ainm àirmhidh sibh innil cùraim an eallaich. 33 Is i so seirbhis theaghlaich- (1) air son uallaich. (2) tairngean. [TD 234] AIREAMH. CAIB. IV. ean mhac Mherari, a réir an seirbhis uile ann am pàilliun a’ choi’-thionail, fuidh làimh Itamair mhic Aaroin an t-sagairt. 34 Agus dh’àireamh Maois agus Aaron agus ceannardan a’ cho’-chruinnich mic nan Cohatach, a réir an teaghlaichean, agus a réir tighe an aithreacha; 35 O dheich bliadhna fichead a dh’aois agus os a cheann, eadhon gu leth-cheud bliadhna dh’aois, gach aon a théid a steach do’n t-seirbhis, chum oibre ann am pàilliun a choi’-thionail. 36 Agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh a réir an teaghlaichean, b’iad dà mhìle seachd ceud agus leth-cheud. 37 B’iad so iadsan a chaidh àireamh do theaghlaichibh nan Cohatach, gach neach a dh’fheudadh seirbhis a dheanamh ann am pàilliun a’ choi’-thionail; a dh’àireamh Maois agus Aaron, a réir àithne an Tighearna le làimh Mhaois. 38 Agus iadsan a chaidh àireamh do mhic Ghersoin, a réir an teaghlaichean, agus a réir tighe an aithreacha; 39 O dheich bliadhna fichead a dh’aois agus os a cheann, eadhon gu leth-cheud bliadhna dh’aois, gach aon a théid a steach do’n t-seirbhis, a chum oibre ann am pàilliun a’ choi’-thionail; 40 Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha, b’iad dà mhìle agus sè ceud agus deich ’ar fhichead. 41 So iadsan a chaidh àireamh do theaghlaichibh mhac Ghersoin, do gach neach a dh’fheudadh seirbhis a dheanamh ann am pàilliun a’ choi’-thionail, a dh’àireamh Maois agus Aaron a réir àithne an Tighearna. 42 Agus iadsan a chaidh àireamh do theaghlaichibh mhac Mherari, a réir an teaghlaichean, a réir tighe an aithreacha; 43 O dheich bliadhna fichead a dh’aois agus os a cheann, eadhon gu leth-cheud bliadhna dh’aois, gach aon a théid a stigh do’n t-seirbhis, chum oibre ann am pàilliun a’ choi’-thionail: 44 Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh a réir an teaghlaichean, b’iad tri mìle agus dà cheud. 45 So iadsan a chaidh àireamh do theaghlaichibh mhac Mherari, a dh’àireamh Maois agus Aaron, a réir focail an Tighearna le làimh Mhaois. 46 Iadsan uile a chaidh àireamh do na Lebhithich, a dh’àireamh Maois agus Aaron agus ceannardan Israeil, a réir an teaghlaichean, agus a réir tighe an aithreacha; 47 O dheich bliadhn’ ’ar fhichead agus os a cheann, eadhon gu leth-cheud bliadhna dh’aois, gach aon a thàinig a dheanamh seirbhis an fhrithealaidh, agus seirbhis na h-eallaich ann am pàilliun a choi’-thionail; 48 Eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad ochd mìle agus cùig ceud agus ceithir fichead. 49 A réir àithne an Tighearna dh’àirmheadh iad le làimh Mhaois, gach aon a réir a sheirbhis, agus a réir eallaich: mar so dh’àirmheadh iad leis, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. [TD 235] AIREAMH. CAIB. V. CAIB. V. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Aithn do chloinn Israeil, iad a chur a mach as a’ champa gach lobhar, agus gach neach air am bheil silteach, agus gach neach a ta air a shalchadh leis a’ mharbh. 3 Araon firionnach agus bainionnach cuiridh sibh a mach, an taobh a muigh do’n champa cuiridh sibh iad; a chum as nach truaill iad an campan, anns am bheil mise gabhail còmhnuidh. 4 Agus rinn clann Israeil mar so, agus chuir iad a mach iad an taobh a muigh do’n champa: mar a labhair an Tighearna re Maois, mar sin rinn clann Israeil. 5 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 6 Abair re cloinn Israeil, An uair a ni fear no bean peacadh air bith a ni daoine, a dheanamh eusaontais (1) ’an aghaidh an Tighearna, agus gu’m bheil an t-anam sin ciontach; 7 ’An sin aidichidh iad am peacadh a rinn iad: agus ni e coi-leasachadh (2) air son eucorach (3) san iomlan, agus cuiridh e an cùigeadh cuid deth ris, agus bheir e sin dhasan air an d’rinn e ’n eucoir. 8 Ach mur bi aig an duine caraid sam bith (4) gu coi’-leasachadh a thoirt da ’san eucoir, thugar an coi’-leasachadh a nìthear do’n Tighearn air son na h-eucorach, do’n t-sagart; a thuilleadh air reithe na réite, leis an deanar an réite air a shon. 9 Agus gach tabhartas do nithibh naomha chloinn Israeil uile a bheir iad chum an t-sagairt, is leis-san iad. 10 Agus nithe coisrigte gach duine, is leis-san iad: ge b’e ni a bheir duine sam bith do’n t-sagart, is leis e. 11 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 12 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, Ma théid bean fir sam bith a thaobh, agus gu’n ciontaich i ’na aghaidh, 13 Agus gu’n luidh fear gu collaidh leatha, agus gu’m bi sin folaichte o shùilibh a fir-pòsda, agus gu’m bi a ceilte (5), agus gu’m bi i air a truailleadh, agus nach bi fianuis sam bith ’na h-aghaidh, agus gun i air a glacadh ’sa’ chùis, 14 Agus gu’n d’thig spiorad eud air, agus gu’m bheil e ’g eudach air a mhnaoi, agus gu’n do thruailleadh i; no ma thàinig spiorad eud air, agus gu’m bheil e eudmhor m’a mhnaoi, agus nach do thruailleadh i: 15 ’An sin bheir an duine a bhean a dh’ionnsuidh an t-sagairt, agus bheir e leis a tabhartas air a son, an deicheamh cuid a dh’ephah do mhin eorna; cha dòirt e oladh air, ni mò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas eudaich (6) a t’ann, tabhartas cuimhneachain, a’ toirt aingidheachd ann an cuimhne. 16 Agus bheir an sagart am fagus i, agus cuiridh e i ’an làthair an Tighearna. 17 Agus gabhaidh an sagart uisge naomha ann an soitheach creadha, agus gabhaidh an sagart (1) euceirt. (2) dìoladh, éiric. (3) a chiontaidh. (4) dìoghaltair. Eabh. (5) am folach. (6) an offering of jealousy. Sasg. [TD 236] AIREAMH. CAIB. V. cuid do’n duslach (1) a bhios air urlar a’ phàilliuin, agus cuiridh e ’san uisge e. 18 Agus cuiridh an sagart a’ bhean ann an làthair an Tighearna, agus rùisgidh e ceann na mnà, agus cuiridh e ’n tabhartas cuimhneachain ’na làmhaibh, eadhon an tabhartas eudaich; agus bithidh aig an t-sagart ’na làimh an t-uisge searbh a mhallaicheas. 19 Agus gabhaidh an sagart mionnan dhith, agus their e ris a’ mhnaoi, Mur do luidh fear sam bith leat, agus mur deachaidh tu thaobh gu neo-ghloine maille re neach eile ’an àite t’fhir-pòsda, bi-sa saor o ’n uisge shearbh so a mhallaicheas: 20 Ach ma chaidh tu thaobh gu neach eile ’an àite t’fhir-pòsda, agus gu’n do thruailleadh thu, agus gu’n do luidh fear eile leat a thuilleadh air t’fhear-pòsda; 21 ’An sin gabhaidh an sagart do’n mhnaoi mionnan mallachaidh, agus their an sagart ris a’ mhnaoi, Gu’n deanadh an Tighearn a’d’ mhallachadh agus a’d’ mhionnan thu am measg do shluaigh, ’nuair a bheir an Tighearn air do shliasaid (2) lobhadh, agus air do bhroinn atadh; 22 Agus théid an t-uisge so a mhallaicheas a stigh a’d’ innibh (3), a thoirt air do bhroinn atadh, agus air do shliasaid lobhadh: Agus their a’ bhean, Amen, amen. 23 Agus sgrìobhaidh an sagart na mallachdan sin ann an leabhar, agus dubhaidh e mach iad leis an uisge shearbh; 24 Agus bheir e air a’ mhnaoi an t-uisge searbh a bheir am mallachadh, òl: agus théid an t-uisge a mhallaicheas a steach innte, agus fàsaidh e searbh. 25 ’An sin gabhaidh an sagart an tabhartas eudaich a làimh na mnà, agus luaisgidh e ’n tabhartas ’an làthair an Tighearna, agus bheir e seachad e air an altair. 26 Agus gabhaidh an sagart làn glaice do’n tabhartas, eadhon a chuimhneachan, agus loisgidh e air an altair e, agus ’an déigh sin bheir e air a’ mhnaoi an t-uisge òl. 27 Agus an uair a bheir e oirre an t-uisge òl, ’an sin tarlaidh, ma thruailleadh i, agus ma rinn i coire ’an aghaidh a fir-pòsda; gu’n d’théid an t-uisge a mhallaicheas a steach innte, agus fàsaidh e searbh, agus ataidh a brù, agus lobhaidh a sliasaid: agus bithidh a’ bhean ’na mallachadh am measg a sluaigh. 28 Agus mur do thruailleadh a’ bhean, ach gu’m bheil i glan; ’an sin bithidh i saor, agus fàsaidh i torrach. 29 Is e so lagh nan eud, an uair a théid bean a thaobh gu fear eile ’an àite a fir-pòsda, agus a thruaillear i; 30 No ’nuair a thig spiorad eud air fear, agus a tha e eudmhor m’a mhnaoi, agus a chuireas e a’ bhean ’an làthair an Tighearna, agus a chuireas an sagart ’an gnìomh oirre an lagh so uile; 31 ’An sin bithidh an duine saor o’n chionta, agus giùlainidh a’ bhean so a cionta. (1) luaithre. (2) leas. (3) mhionach. (4) sgaradh. [TD 237] AIREAMH. CAIB. VI. CAIB. VI. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, ’Nuair a dhealaicheas aon chuid bean no fear iad féin a bhòideachadh bòid Nasaraich, a chum iad féin a dhealachadh (1) do’n Tighearna; 3 O fhìon, agus o dhibh làidir sgaraidh se e féin; fìon-geur a fìona, no fìon-geur dibhe làidir cha’n òl e, ni mò a dh’òlas e bheag do shùgh nam fìon-dhearcan, ni mò a dh’itheas e fìon-dhearcan ùr no tioram. 4 Uile laithean a dhealachaidh cha ’n ith e bheag a nìthear do’n chraoibh-fhìona, o na h-eiteanaibh gus am plaosg. 5 Uile laithean bòid a dhealachaidh, cha d’thig ealtainn air a cheann: gus an coi’-lionar na laithean anns an dealaich se e féin do’n Tighearna, bithidh e naomha; agus leigidh e le ciabhaibh gruaige a chinn fàs. 6 ’Sna laithibh sin uile anns an dealaich se e féin do’n Tighearna, cha d’ thig e ’m fagus do chorp (2) marbh sam bith. 7 Cha dean se e féin neo-ghlan air son athar, no air son a mhàthar, air son a bhràthar, no air son a pheathar, an uair a gheibh iad bàs; do bhrì’ gu bheil coisreagadh a Dhé air a cheann. 8 Uile laithean a dhealachaidh tha e naomha do’n Tighearna. 9 Agus ma gheibh duine gu h-obann bàs làimh ris, agus gu’n do shalaich e ceann a choisreagaidh; ’an sin bearraidh (3) e cheann ann an là a ghlanaidh, air an t-seachdamh là bearraidh se e. 10 Agus air an ochdamh là bheir e dà thurtur (4), no dà choluman òg a dh’ionnsuidh an t-sagairt, gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 11 Agus ìobraidh an sagart fear diubh mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt-loisgte, agus ni e réite air a shon, do bhrì’ gu’n do pheacaich e thaobh a’ mhairbh, agus naomhaichidh e cheann ’san là sin féin. 12 Agus coisrigidh e do’n Tighearna laithean a dhealachaidh, agus bheir e leis uan do’n cheud bhliadhna chum ìobairt-eusaontais: ach bithidh na laithean a chaidh seachad caillte, do bhrì’ gu’n do shalaicheadh a dhealachadh. 13 Agus is e so lagh an Nasaraich: ’Nuair a choi’-lionar laithean a dhealachaidh, bheirear e (5) gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 14 Agus bheir e seachad a thabhartas do’n Tighearna, aon uan firionn do’n cheud bhliadhna gun ghaoid a chum ìobairt-loisgte, agus aon uan bainionn do’n cheud bhliadhna gun ghaoid a chum ìobairt-pheacaidh, agus aon reithe gun ghaoid a chum ìobairt-shìth; 15 Agus bascaid do aran neo-ghoirtichte, breacagan do phlùr mìn measgta le h-ola, agus dearnagana do aran neo-ghoirtichte ungta le h-ola, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe. 16 Agus bheir an sagart iad ’an làthair an Tighearna, agus (1) sgaradh. (2) cholann. (3) lomaidh. (4) fhearan. Eir. (5) bheir se e. [TD 238] AIREAMH. CAIB. VII. ìobraidh e ’ìobairt-pheacaidh, agus ’ìobairt-loisgte. 17 Agus ìobraidh e ’n reithe mar ìobairt thabhartasan-sìth do’n Tighearna, maille ris a’ bhascaid do aran neo-ghoirtichte: bheir an sagart seachad mar an ceudna a thabhartas-bìdh, agus a thabhartas-dibhe. 18 Agus bearraidh an Nasarach ceann a dhealachaidh, aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail; agus gabhaidh e gruag cinn a dhealachaidh, agus cuiridh e i ’san teine a ta fuidh ìobairt nan tabhartasan-sìth. 19 Agus gabhaidh an sagart slinnein bruich an reithe, agus aon bhreacag neo-ghoirtichte as a’ bhascaid, agus aon dearnagan (1) neo-ghoirtichte; agus cuiridh e iad air làmhaibh an Nasaraich, ’an déigh do ghruaig a dhealachaidh bhi air a bearradh. 20 Agus luaisgidh an sagart iad mar thabhartas-luaisgte ’an làthair an Tighearna; tha so naomha do’n t-sagart maille ris an uchd luaisgte, agus maille ris an t-slinnean thogta: agus ’an déigh sin feudaidh an Nasarach fìon òl. 21 Is e so lagh an Nasaraich, a thug bòid, agus lagh a thabhartais do’n Tighearna air son a dhealachaidh, a thuilleadh air na gheibh a làmh: a réir a bhòid a bhòidich e, mar sin is éigin da dheanamh, a réir lagh a dhealachaidh. 22 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 23 Labhair re h-Aaron agus r’a mhic, ag ràdh, Air a’ mhodh so beannuichidh sibh clann Israeil, ag ràdh riu, 24 Gu’m beannuicheadh an Tighearn thu, agus gu’n gleidheadh e thu: 25 Gu’n d’thugadh an Tighearn air aghaidh dealrachadh ort, agus bitheadh e gràsmhor dhuit: 26 Gu’n togadh an Tighearna suas a ghnùis ort, agus gu’n d’thugadh e sìth dhuit. 27 Agus cuiridh iad m’ainm air cloinn Israeil, agus beannaichidh mise iad. CAIB. VII. AGUS tharladh air an là anns an do chuir Maois suas am pàilliun gu h-iomlan, agus ’san d’ung se e, agus ’san do naomhaich se e, agus uidheam (2) uile, araon (3) an altair agus a soithichean uile, agus ’san d’ung e iad, agus ’san do naomhaich e iad; 2 Gu’n d’ thug ceannardan (4) Israeil, cinn tighe an aithreacha, (eadhon ceannardan nan treubh, a bha os cionn na muinntir a chaidh àireamh) seachad tabhartas: 3 Agus thug iad an tabhartas ’an làthair an Tighearna, sè feunan còmhdaichte, agus dà dhamh dheug: feun (5) air son dithis do na ceannardaibh, agus damh air son gach fear dhiubh, agus thug iad air beulaobh a’ phàilliuin iad. 4 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 5 Gabh uatha iad a chum as gu’m bi iad a dheanamh seirbhis (1) abhlan. (2) innil, a shoithichean. (3) agus. Eabh. (4) cinn-feadhna, maithean. (5) fèanaidh. [TD 239] AIREAMH. CAIB. VII. pàilliuin a’ choi’-thionail; agus bheir thu iad do na Lebhithich, do gach fear a réir a sheirbhis. 6 Agus ghabh Maois na feunan agus na daimh, agus thug e do na Lebhithich iad. 7 Dà fheun agus ceithir daimh thug e do mhic Ghersoin, a réir an seirbhis (1). 8 Agus ceithir feunan agus ochd daimh thug e do mhic Mherari, a réir an seirbhis, fuidh làimh Itamair mhic Aaroin an t-sagairt: 9 Ach do mhic Chohait cha d’thug e h-aon air bith: a chionn gu’m b’e seirbhis an ionaid naomha a bhuineadh dhoibhsan, gu’n giùlaineadh iad air an guaillibh. 10 Agus thug na ceannardan seachad tabhartas a chum coisreagaidh na h-altarach, air an là anns an d’ungadh i; thug eadhon na ceannardan seachad an tabhartas air beulaobh na h-altarach. 11 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Bheir gach ceannard seachad a thabhartas air a là féin, chum coisreagaidh na h-altarach. 12 Agus esan a thug seachad a thabhartas air a’ cheud là, b’e Nahson mac Aminadaib do thréibh Iudaih. 13 Agus b’e a thabhartas aon mhias (2) airgid, d’am bu chudthrom ceud agus deich seceil ’ar fhichead, aon chuach (3) airgid do dheich agus tri fichead secel, a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh: 14 Aon spàin do dheich seceil òir, làn do thùis: 15 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: 16 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 17 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Nahsoin mhic Amminadaib. 18 Air an dara là thug Nataneel mac Shuair ceannard Isachair, seachad tabhartas. 19 Thug e seachad mar a thabhartas aon mhias airgid, d’am bu chudthrom ceud agus deich seceil ’ar fhichead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel, a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh: 20 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 21 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: 22 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 23 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Nataneeil mhic Shuair. 24 Air an treas là thug Eliab mac Heloin ceannard chloinn Shebuluin, seachad tabhartas. 25 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, d’am bu chudthrom ceud agus deich seceil ’ar fhich- (1) am frithealaidh, am foghnaidh. (2) chlàr. (3) chopan, soitheach-crathaidh. [TD 240] AIREAMH. CAIB. VII. ead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh; 26 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 27 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: 28 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 29 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Eliaib mhic Heloin. 30 Air a’ cheathramh là thug Elisur mac Shedeuir, ceannard chloinn Reubein, seachad tabhartas. 31 B’e a thabhartas aon mhias airgid do cheud agus deich seceil ’ar fhichead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh. 32 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 33 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: 34 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 35 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Elisuir mhic Shedeuir. 36 Air a’ chùigeadh là thug Selumiel mac Shurisadai, ceannard chloinn Shimeoin, seachad tabhartas. 37 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, d’am bu chudthrom ceud agus deich seceil ’ar fhichead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel, a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh. 38 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 39 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: 40 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 41 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Shelumiel mhic Shurisadai. 42 Air an t-seathadh là thug Eliasaph mac Dheueil, ceannard chloinn Ghad, seachad tabhartas: 43 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, d’am bu chudthrom ceud agus deich secel ’ar fhichead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel, a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh: 44 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 45 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: 46 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 47 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Eliasaiph mhic Dheueil. [TD 241] AIREAMH. CAIB. VII. 48 Air an t-seachdamh là thug Elisama mac Amihuid, ceannard chloinn Ephraim, seachad tabhartas. 49 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, d’am bu chudthrom ceud agus deich seceil ’ar fhichead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel, a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh: 50 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 51 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: 52 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 53 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Elisama mhic Amihud. 54 Air an ochdamh là thug Gamaliel mac Phedahsuir, ceannard chloinn Mhanaseih, seachad tabhartas. 55 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid do cheud agus deich seceil ’ar fhichead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh: 56 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 57 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: 58 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 59 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Ghamaliel mhic Phedahsuir. 60 Air an naothadh là, thug Abidan mac Ghideoni, ceannard chloinn Beniamin, seachad tabhartas. 61 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, d’am bu chudthrom ceud agus deich seceil ’ar fhichead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel, a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh: 62 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 63 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: 64 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 65 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Abidain mhic Ghideoni. 66 Air an deicheamh là thug Ahieser mac Amisadai, ceannard chloinn Dhan, seachad tabhartas. 67 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, d’am bu chudthrom ceud agus deich seceil ’ar fhichead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel, a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh: 68 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 69 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: [TD 242] AIREAMH. CAIB. VII. 70 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 71 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Ahieseir mhic Amisadai. 72 Air an aon là deug thug Pagiel mac Ocrain, ceannard chloinn Aseir, seachad tabhartas. 73 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, d’am bu chudthrom ceud agus deich seceil ’ar fhichead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh: 74 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 75 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte: 76 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 77 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Phagieil mhic Ocrain. 78 Air an dara là deug, thug Ahira mac Enain, ceannard chloinn Naphtali, seachad tabhartas. 79 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, d’am bu chudthrom ceud agus deich seceil ’ar fhichead, aon chuach airgid do dheich agus tri fichead secel, a réir seceil an ionaid naomha, iad le chéile làn do phlùr mìn measgta le h-ola, chum tabhartais-bìdh: 80 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do thùis: 81 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do’n cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte. 82 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh: 83 Agus a chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic-gaibhre, cùig uain do’n cheud bhliadhna. B’e so tabhartas Ahira mhic Enain. 84 B’e so coisreagadh na h-altarach (’san là anns an d’ungadh i) le ceannardaibh Israeil: dà mhias dheug airgid, dà chuach dheug airgid, dà spàin dheug òir: 85 Bu chudthrom do gach méis airgid ceud agus deich seceil ’ar fhichead, agus do gach cuaich deich agus tri fichead: B’e cudthrom nan soithichean airgid uile, dà mhìle agus ceithir cheud seceil, a réir seceil an ionaid naomha. 86 Bha da spàin dheug òir ann, làn do thùis, cudthrom gach aon fa leth deich seceil a réir seceil an ionaid naomha: b’e òr nan spàinean uile ceud agus fichead secel. 87 B’iad na tairbh uile chum ìobairt-loisgte dà tharbh dheug, na reitheachan a dhà-dheug, na h-uain do’n cheud bhliadhna dhà-dheug, maille r’an tabhartas-bìdh: agus na minn do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh dhà-dheug. 88 Agus b’iad na tairbh uile chum ìobairt nan tabhartas-sìth ceithir tairbh ’ar fhichead, na reitheachan tri fichead, na buic-gaibhre tri fichead, na h-uain do’n cheud bhliadhna tri fichead. [TD 243] AIREAMH. CAIB. VIII. B’e so coisreagadh na h-altarach ’an déigh dh’i bhi air a h-ungadh. 89 Agus an uair a chaidh Maois a steach do phàilliun a’ choi’-thionail, a labhairt ris (1): ’an sin chual’ e guth aon a’ labhairt ris o uachdar cathair-na-tròcair a bha os cionn àirc na fianuis, o eadar an dà cherub; agus labhair e ris. CAIB. VIII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re h-Aaron, agus abair ris, ’Nuair a lasas tu na lòchrain, bheir na seachd lòchrain solus uatha thall fa chomhair a’ choinnleir. 3 Agus rinn Aaron mar sin; las e a lòchrain thall fa chomhair a’ choinnleir; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 4 Agus b’e so obair a’ choinnleir: bha e dh’òr buailte gu nuig a chas, gu nuig a bhlàthan bha e dh’obair bhuailte: a réir an t-samhlaidh a nochd an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e ’n coinnleir. 5 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 6 Gabh na Lebhithich o mheasg chloinn Israeil, agus glan iad. 7 Agus mar so ni thu riu, chum an glanadh: crath uisge glanaidh orra, agus thugadh iad ealtainn thar (2) am feoil uile, agus nigheadh iad an eudach, agus mar sin deanadh iad glan iad féin. 8 ’An sin gabhadh iad tarbh òg maille r’a thabhartas-bìdh, eadhon plùr mìn measgta le h-ola, agus tarbh òg eile gabhaidh tu chum ìobairt-pheacaidh. 9 Agus bheir thu na Lebhithich air beulaobh pàilliuin a’ choi’-thionail: agus cruinnichidh tu coi’-thional chloinn Israeil uile ’an ceann a’ chéile: 10 Agus bheir thu na Lebhithich ’an làthair an Tighearna, agus cuiridh clann Israeil an làmhan air na Lebhithich: 11 Agus luaisgidh Aaron na Lebhithich ann an làthair an Tighearna, mar thabhartas luaisgte o chloinn Israeil; a chum as gu’n dean iad seirbhis an Tighearna. 12 Agus cuiridh na Lebhithich an làmhan air cinn nan tarbh; agus ìobraidh tu h-aon diubh mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt-loisgte do’n Tighearna, a dheanamh réite air son nan Lebhitheach. 13 Agus cuiridh tu na Lebhithich ’an làthair Aaroin, agus ’an làthair a mhac, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte do’n Tighearna. 14 Mar so sgaraidh tu na Lebhithich o mheasg chloinn Israeil, agus bithidh na Lebhithich leamsa. 15 Agus ’na dhéigh sin théid na Lebhithich a steach a dheanamh seirbhis pàilliuin a’ choi’-thionail; agus glanaidh tu iad, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte: 16 Oir thugadh dhomhsa gu h-iomlan iad o mheasg chloinn Israeil; ’an àite gach aon a dh’fhosglas a’ bhrù, eadhon ’an àite ceud-ghin chloinn Israeil uile, ghabh mi dhomh iad. 17 Oir is leamsa uile cheud-ghin chloinn Israeil, araon duine (1) re Dia. (2) bearradh iad. [TD 244] AIREAMH. CAIB. IX. agus ainmhidh: ’san là air an do bhuail mi gach ceud-ghin ann an tìr na h-Eiphit, naomhaich mi iad dhomh féin. 18 Agus ghabh mi na Lebhithich ’an àite uile cheud-ghin chloinn Israeil. 19 Agus thug mi na Lebhithich mar thiodhlac do Aaron, agus d’a mhic, o mheasg chloinn Israeil; a dheanamh seirbhis chloinn Israeil ann am pàilliun a’ choi’-thionail, agus a dheanamh réite air son chloinn Israeil: a chum as nach bi plàigh sam bith am measg chloinn Israeil, an uair a thig clann Israeil am fagus do’n ionad naomha. 20 Agus rinn Maois agus Aaron, agus co’-chruinneach chloinn Israeil uile, ris na Lebhithich a réir gach ni a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a thaobh nan Lebhitheach, mar sin rinn clann Israeil riu. 21 Agus ghlanadh na Lebhithich, agus nigh iad an eudach; agus thug Aaron suas (1) iad mar thabhartas ’an làthair an Tighearna; agus rinn Aaron réite air an son a chum an glanadh. 22 Agus ’an déigh sin chaidh na Lebhithich a steach, a dheanamh an seirbhis ann am pàilliun a’ choi’-thionail ’an làthair Aaroin agus ’an làthair a mhac: mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a thaobh nan Lebhitheach, mar sin rinn iad riu. 23 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 24 Is e so an ni a bhuineas do na Lebhithich: o chùig bliadhna fichead a dh’aois, agus os a cheann, théid iad a steach a dh’fheitheamh air seirbhis pàilliuin a’ choi’-thionail. 25 Agus o aois leth-cheud bliadhna sguiridh iad a dh’fheitheamh air a sheirbhis, agus cha dean iad seirbhis ni ’s mò: 26 Ach fritheilidh iad maille r’am bràithribh ann am pàilliun a’ choi’-thionail a ghleidheadh a chùraim, agus cha dean iad seirbhis sam bith eile. Mar so ni thu ris na Lebhithich a thaobh an cùraim. CAIB. IX. AGUS labhair an Tighearna re Maois ann am fàsach Shinai, ’sa’ cheud mhìos do’n dara bliadhna, ’an déigh dhoibh teachd a mach a’ tìr na h-Eiphit, ag ràdh, 2 Cumadh mar an ceudna clann Israeil a’ chàisg ’na h-àm suidhichte féin. 3 ’Sa’ cheathramh là deug do’n mhìos so air feasgar (2) cumaidh sibh i ’na h-àm suidhichte féin, a réir a h-orduighean uile, agus a réir a deas-ghnàthan uile cumaidh sibh i. 4 Agus labhair Maois re cloinn Israeil, iad a chumail na càisge. 5 Agus chum iad a’ chàisg air a’ cheathramh là deug do’n cheud mhìos air feasgar, ann am fàsach Shinai: a réir gach ni a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil. 6 Agus bha daoine àraidh a shalaicheadh le corp duine mhairbh, air chor as nach b’urrainn iad a’ chàisg a chumail air an là sin: agus thàinig iad ’an làthair Mhaois, agus ’an làthair Aaroin air an là sin. (1) dh’ofrail Aaron. (2) eadar an dà fheasgar. Eabh. [TD 245] AIREAMH. CAIB. IX. 7 Agus thubhairt na daoine sin ris, Tha sinne air ar salachadh le corp duine mhairbh: c’ar son a chumar air ar n-ais sinn, a chum as nach feud sinn tabhartas an Tighearna thoirt seachad ’na àm suidhichte féin am measg chloinn Israeil? 8 Agus thubhairt Maois riu, Seasaibh ’an sin, agus cluinnidh mise ciod a dh’àithneas an Tighearna d’ar taobh. 9 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 10 Labhair re cloinn Israeil, ag ràdh, Ma bhios duine sam bith dhibh no d’ar sliochd air a shalachadh le corp marbh, no ma bhios e air thurus fad air astar, gidheadh cumaidh e chàisg do’n Tighearna. 11 ’Sa’ cheathramh là deug do’n dara mìos air feasgar cumaidh iad i: le h-aran neo-ghoirtichte, agus le lusaibh searbha ithidh iad i. 12 Cha ’n fhàg iad a’ bheag dhith gu madainn, ni mò a bhriseas iad cnàimh dhith: a réir uile orduighean na càisge cumaidh iad i. 13 Ach an duine a ta glan, agus nach ’eil air thurus, agus a dhearmadas a’ chàisg a chumail; gearrar eadhon an t-anam sin féin as o shluagh, a chionn nach d’thug e seachad tabhartas an Tighearna ’na àm suidhichte: giùlainidh an duine sin a pheacadh. 14 Agus ma bhios coigreach air chuairt ’nar measg, agus gu’n cum e chàisg do’n Tighearna, a réir orduigh na càisge, agus a réir a gnàtha, mar sin ni e: bithidh aon ordugh agaibh araon air son a’ choigrich, agus air a shon-san a rugadh ’san tìr. 15 Agus air an là anns an do thogadh suas am pàilliun, chòmhdaich an neul am pàilliun, eadhon bùth na fianuis; agus air feasgar bha air a’ phàilliun mar gu’m bu choslas (1) teine gus a’ mhadainn. 16 Mar sin bha e ghnàth: chòmhdaich an neul e ’san là, agus coslas teine ’san oidhche. 17 Agus an uair a thogadh an neul suas o’n phàilliun, ’an sin gun dàil ghabh clann Israeil an turus: agus ’san ionad anns an do stad an neul, ann an sin champaich clann Israeil. 18 Air àithne an Tighearna ghabh clann Israeil an turus, agus air àithne an Tighearna champaich iad: am feadh ’s a dh’fhan an neul air a’ phàilliun, dh’fhan iad ’nam bùthaibh. 19 Agus an uair a dh’fhan an neul air a’ phàilliun mòran do laithibh, ’an sin ghleidh clann Israeil freasdal (2) an Tighearna, agus cha d’imich iad. 20 Agus an uair a bha an neul beagan do laithibh air a’ phàilliun, a réir àithne an Tighearna dh’fhan iad ’nam bùthaibh, agus a réir àithne an Tighearna ghabh iad an turus. 21 Agus an uair a dh’fhan an neul o fheasgar gu madainn, agus a thogadh an neul suas ’sa’ mhadainn, ’an sin ghabh iad an turus: ma b’anns an là no ’san oidhch’ a thogadh an neul suas, ghabh iad an turus. 22 No co dhiubh a b’ann dà là, no mìos, no bliadhna dh’fhan an neul air a’ phàilliun, a’ fuireach air, dh’fhan clann Israeil ’nam (1) chosamhlas. (2) cùram, earbsadh. [TD 246] AIREAMH. CAIB. X. bùthaibh, agus cha d’imich iad: ach an uair a thogadh suas e, ghabh iad an turus (1). 23 A réir àithne an Tighearna dh’fhan iad ’nam bùthaibh, agus a réir àithne an Tighearna ghabh iad an turus: ghleidh iad freasdal an Tighearn a réir àithne an Tighearna le làimh Mhaois. CAIB. X. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Dean dhuit féin dà thrompaid airgid; a dh’aon mhìr ni thu iad; agus gnàthaichidh tu iad a ghairm a’ choi’-thionail, agus a chum turuis (2) nan campa. 3 Agus an uair a shéideas iad leo, cruinnichidh an coi’-thional uile iad féin a’t’ ionnsuidh aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 4 Agus mur séid iad ach le h-aon trompaid, ’an sin cruinnichidh na ceannardan a ta ’nan cinn-fheadhna air mhìltibh Israeil, iad féin a’t’ ionnsuidh. 5 ’Nuair a shéideas sibh caismeachd (3), ’an sin théid na campan a ta ’nan luidhe air taobh na h-airde ’n ear air an aghaidh. 6 ’Nuair a shéideas sibh caismeachd an dara uair, ’an sin théid na campan a ta ’nan luidhe air taobh na h-airde deas air an aghaidh: séididh iad caismeachd a chum an turusan. 7 Ach an uair a tha ’n coi’-thional gu bhi air a chruinneachadh ’an ceann a chéile, séididh sibh, ach cha séid sibh caismeachd. 8 Agus séididh mic Aaroin na sagartan leis na trompaidibh; agus bithidh iad dhuibh (4) mar reachd sìorruidh air feadh bhur ginealacha. 9 Agus ma théid sibh gu cogadh ’nar dùthaich ’an aghaidh an nàmhaid a ta deanamh foirneart oirbh, ’an sin séididh sibh caismeachd leis na trompaidibh; agus cuimhnichear sibh ’an làthair an Tighearna bhur Dé, agus saorar sibh o bhur naimhdibh. 10 Mar an ceudna ann an là bhur subhachais, agus ’nar n-ard laithibh féille, agus ann an toiseach bhur mìos, séididh sibh leis na trompaidibh os cionn bhur n-ìobairte-loisgte, agus os cionn ìobairte bhur tabhartasan-sìth; agus bithidh iad dhuibh mar chuimhneachan ’an làthair bhur Dé: Is mise an Tighearna bhur Dia. 11 Agus tharladh air an fhicheadamh là do’n dara mìos, ’san dara bliadhna, gu’n do thogadh suas an neul o uachdar pàilliuin na fianuis. 12 Agus ghabh clann Israeil an turusan a fàsach Shinai; agus stad an neul ann am fàsach Pharain. 13 Agus ghabh iad air tùs an turus, a réir àithne an Tighearna le làimh Mhaois. 14 ’Sa’ cheud àite dh’imich bratach champa chloinn Iudaih, a réir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Nahson mac Aminadaib. 15 Agus air ceann slòigh thréibh chloinn Isachair bha Nataneel mac Shuair. 16 Agus air ceann slòigh thréibh chloinn Shebuluin bha Eliab mac Heloin. 17 Agus thugadh a nuas am (1) thriall iad. (2) gluasad. (3) cath-fhuaim. (4) bithidh e dhuibh. [TD 247] AIREAMH. CAIB. X. pàilliun; agus chaidh mic Ghersoin, agus mic Mherari air an aghaidh, a’ giùlan a’ phàilliuin. 18 Agus ghluais bratach champa Reubein air a h-aghaidh a réir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Elisur mac Shedeuir. 19 Agus air ceann slòigh thréibh chloinn Shimeoin, bha Selumiel mac Shurisadai. 20 Agus air ceann slòigh thréibh chloinn Ghad, bha Eliasaph mac Dheuil. 21 Agus chaidh na Cohataich air an aghaidh, a’ giùlan an ionaid naomha, agus chuireadh suas am pàilliun air cheann doibh teachd. 22 Agus ghluais bratach champa chloinn Ephraim air a h-aghaidh a réir an armailtean: agus air ceann a shlòigh bha Elisama mac Amihuid. 23 Agus air ceann slòigh thréibh chloinn Mhanaseh bha Gamaliel mac Phedahsuir. 24 Agus air ceann slòigh thréibh chloinn Bheniamin bha Abidan mac Ghideoni. 25 Agus chaidh bratach thréibh chloinn Dhan air a h-aghaidh, a bha air deireadh nan campan uile air feadh an slòigh: agus air ceann a shlòigh bha Ahieser mac Amisadai. 26 Agus air ceann slòigh thréibh chloinn Aseir, bha Pagiel mac Ocrain. 27 Agus air ceann slòigh thréibh chloinn Naphtali, bha Ahira mac Enain. 28 B’ iad sin turusan chloinn Israeil, a réir an armailtean, ’nuair a ghluais iad air an aghaidh. 29 Agus thubhairt Maois re Hobab mac Ragueil a’ Mhidianaich, athar-céile Mhaois, Tha sinn air ar turus a chum an àite m’an dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille ruinn, agus ni sinn math dhuit; oir labhair an Tighearna math a thaobh Israeil. 30 Agus thubhairt e ris, Cha d’théid mi maille ribh: ach imichidh mi chum mo dhùthcha féin, agus a chum mo dhilsean (1) féin. 31 Agus thubhairt e, Na fàg sinn, guidheam ort, oir tha fhios agad cionnus a champaicheas sinn anns an fhàsach, agus bithidh tu dhuinn ’an àite shùl (2). 32 Agus tarlaidh, ma théid thu maille ruinn, seadh tarlaidh, ge b’e math a ni Dia dhuinne, gu’n dean sinne am math ceudna dhuitse. 33 Agus dh’imich iad o shliabh (3) anTighearna astar thri laithean: agus chaidh àirc coi’-cheangail an Tighearna rompa astar thri laithean, a rannsachadh a mach àite tàimh dhoibh. 34 Agus bha neul an Tighearna orra ’san là, ’nuair a chaidh iad a mach as a’ champa. 35 Agus tharla ’nuair a bha’n àirc gu dol air a h-aghaidh, gu’n dubhairt Maois, Eirich suas, a Thighearna, agus biodh do naimhdean air an sgapadh, agus teicheadh a’ mhuinntir leis am fuathach thu romhad. 36 Agus an uair a stad i, thubhairt e, Pill, a Thighearna, (1) mo chinnich. (2) cionnus a champaich sinn anns an fhàsach, agus bha thu dhuinne ’an àite shùl. (3) bheinn. [TD 248] AIREAMH. CAIB. XI. chum nam mìlte (1) do mhìltibh Israeil. CAIB. XI. AGUS an uair a rinn an sluagh gearan, mhi-thaitinn e ris an Tighearna: agus chual’ an Tighearn e; agus las fhearg; agus loisg teine an Tighearna ’nam measg, agus chuir e as doibhsan a bha ’n iomall a’ champa. 2 Agus ghlaodh an sluagh re Maois: agus an uair a rinn Maois ùrnuigh ris an Tighearna, choisgeadh (2) an teine. 3 Agus thug e Taberah mar ainm air an àite sin; a chionn gu’n do loisg teine an Tighearna ’nam measg. 4 Agus ghlac cìocras (3) an cumasg sluaigh (4) a bha ’nam measg: agus ghuil mar an ceudna clann Israeil a rìs, agus thubhairt iad, Cò bheir dhuinn feoil r’a h-itheadh? 5 Is cuimhne leinn an t-iasg a dh’ith sinn ’san Eiphit gu saor (5); na cularain (6), agus na mealbhucain (7), agus na léicis, agus na h-uinneinean, agus an creamh (8). 6 Ach a nis tha ar n-anam air tiormachadh; cha ’n’eil ni air bith againn ach am mana so ’nar sealladh. 7 Agus bha am mana cosmhuil re fras coriandeir, agus a dhath mar dhath bdellium. 8. Chaidh an sluagh m’an cuairt, agus thionail iad e, agus mheil (9) iad e ann am muilnibh, no phronn iad e ann am mortair (10), agus bhruich iad e ann an aighnibh, agus rinn iad breacagan deth: agus bha bhlas mar bhlas olaidh ùir. 9 Agus an uair a thuit an drùchd (11) air a’ champa ’san oidhche, thuit am mana air. 10 ’An sin chuala Maois an sluagh a’ gul tre ’n teaghlaichibh, gach duine ann an dorus a bhùtha: agus lasadh fearg an Tighearna gu mòr; bha Maois mar an ceudna diomach (12). 11 Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, C’ar son a bhuin thu gu h-olc re d’ sheirbhiseach? agus c’ar son nach d’fhuair mi deagh-ghean (13) a’d’ shealladh, gu’n do leag thu eireadh (14) an t-sluaigh so uile orm? 12 Am mise a ghin an sluagh so uile? an ann domh a rugadh iad, gu’n abradh tu rium, Giùlain a’d’ uchd iad (mar a ghiùlaineas oid’-altruim leanabh na cìche) chum an fhearainn a mhionnaich thu d’an aithreachaibh? 13 Cia as a gheibhinn-sa feoil gu tabhairt do’n t-sluagh so uile? oir tha iad a’ gul rium, ag ràdh, Thoir dhuinn feoil, a chum as gu’n ith sinn? 14 Cha’n urrainn mise cudthrom an t-sluaigh so uile a ghiùlan a’m’ aonar, a chionn gu bheil e ro-throm air mo shon. 15 Agus ma bhuineas tu rium mar so, marbh mi, guidheam ort, as an làimh, ma fhuair mi deagh-ghean a’d’ shealladh; agus na faiceam mo thruaighe. 16 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Cruinnich dhomhsa deich agus tri fichead fear do sheanairibh Is- (1) nan deich mìlte. Eabh. (2) mhùchadh. (3) miann. (4) an sluagh measgta. (5) a nasgaidh. (6) cucumbers, Sasg. (7) melons. Sasg. (8) garlick. Sasg. (9) bhleath. (10) bràth-spìosraidh. (11) driùchd. (12) diom-buidheach. (13) fàbhor. (14) eallach, cudthrom. [TD 249] AIREAMH. CAIB. XI. raeil, muinntir a’s aithne dhuit a bhi ’nan seanairibh an t-sluaigh, agus ’nan luchd-riaghlaidh os an ceann; agus thoir iad gu pàilliun a’ choi’-thionail, a chum as gu’n seas iad ’an sin maille riut. 17 Agus thig mise nuas agus labhraidh mi riut ’an sin: agus gabhaidh mi do’n spiorad a ta ortsa, agus cuiridh mi orra-san e: agus giùlainidh iad eallach an t-sluaigh maille riut, a chum as nach giùlain thu féin e a’d’ aonar. 18 Agus abair ris an t-sluagh, Naomhaichibh sibh féin air cheann an là màireach, agus ithidh sibh feoil (oir ghuil sibh ann an éisdeachd (1) an Tighearna, ag ràdh, Cò bheir dhuinn feoil r’a h-itheadh? oir bu mhath ar cor ’san Eiphit) uime sin bheir an Tighearna feoil dhuibh, agus ithidh sibh. 19 Cha’n ith sibh aon là, no dà là, no cùig laithean, no deich laithean, no fichead là; 20 Ach eadhon mìos iomlan, gus an d’ thig i mach a cuinneinibh bhur sròn, agus gu’m bi i gràineil duibh: a chionn gu’n d’ rinn sibh tàir air an Tighearn a ta ’nar measg, agus gu’n do ghuil sibh ’na làthair, ag ràdh, C’ar son a thàinig sinn a mach as an Eiphit? 21 Agus thubhairt Maois, Tha’n sluagh am measg am bheil mise, ’nan sè ceud mìle coisiche; agus thubhairt thu, Bheir mi dhoibh feoil, a chum as gu’n ith iad rè mìos iomlain. 22 Am marbhar na caoraich agus am buar dhoibh, chum an sàsuchadh? no an cruinnichear iasg na mara uile r’a chéile dhoibh, chum an sàsuchadh? 23 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Am bheil làmh an Tighearn air fàs goirid? chi thus’ a nis an d’ thig no nach d’ thig m’fhocal gu crìch dhuit. 24 Agus chaidh Maois a mach, agus dh’innis e do’n t-sluagh focail an Tighearna, agus chruinnich e an deich agus an tri fichead do sheanairibh an t-sluaigh, agus thug e orra seasamh mu thimchioll a’ phàilliuin. 25 Agus thàinig an Tighearn a nuas ann an neul, agus labhair e ris, agus ghabh e do’n spiorad a bha air, agus thug se e do’n deich agus an tri fichead seanair: agus tharla, ’nuair a ghabh an spiorad còmhnuidh orra, gu’n d’rinn iad fàidheadoireachd, agus nach do sguir iad (2). 26 Ach dh’fhan dithis do na daoinibh ’sa’ champa; b’e ainm a h-aon diubh Eldad, agus ainm an fhir eile Medad: agus ghabh an spiorad còmhnuidh orra (agus bha iad dhiubhsan a chaidh sgrìobhadh, ach cha deachaidh iad a mach do’n phàilliun) agus rinn iad fàidheadoireachd ’sa’ champa. 27 Agus ruidh òganach, agus dh’innis e do Mhaois, agus thubhairt e, Tha Eldad agus Medad re fàideadoireachd ’sa’ champa. 28 Agus fhreagair Iosua mac Nun, seirbhiseach Mhaois, aon d’a òganachaibh, agus thubhairt e, Mo thighearn, a Mhaois, bac iad. 29 Agus thubhairt Maois ris, Am bheil farmad ort air mo shon-sa? Is e mo ghuidhe re Dia gu’m biodh sluagh an Tighearn uile ’nam fàidhibh, agus gu’n (1) ann an cluasaibh. Eabh. (2) nach d’rinn ni b’fhaide. [TD 250] AIREAMH. CAIB. XII. cuireadh an Tighearn a spiorad orra. 30 Agus chaidh Maois do’n champa, e féin agus seanairean Israeil. 31 Agus chaidh gaoth a mach o’n Tighearna, agus thug i gearra-goirt (1) o’n fhairge, agus leig i leo tuiteam làimh ris a’ champa, mar astar là air an taobh so, agus mar astar là air an taobh eile, m’an cuairt air a’ champa, agus mar dhà làimh-choille air àirde, air aghaidh na talmhainn. 32 Agus sheas an sluagh suas air an là sin uile, agus air an oidhche sin uile, agus air an là a b’fhaigse uile, agus thionail iad na gearra-goirt: esan bu lugha a thionail, thionail e deich homeir, agus sgaoil iad gu farsaing doibh féin iad mu thimchioll a’ champa. 33 ’Nuair a bha ’n fheoil fathast eadar am fiacla, mun do chagnadh i, lasadh fearg an Tighearn ’an aghaidh an t-sluaigh, agus bhuail an Tighearn an sluagh le plàigh ro-mhòir. 34 Agus thug e Cibrot-hataabhah mar ainm air an àite sin; a chionn ann an sin gu’n d’adhlaic iad an sluagh a mhiannaich. 35 Agus dh’imich an sluagh o Chibrot-hataabhah gu Haserot: agus dh’fhan iad ann an Haserot. CAIB. XII. AGUS labhair Miriam agus Aaron ’an aghaidh Mhaois air son na mnà o Etiopia, a phòs e: oir bha e air pòsadh mnà o Etiopia. 2 Agus thubhairt iad, An do labhair an Tighearna da rìreadh le Maois a mhàin? nach do labhair e mar an ceudna leinne? agus chual’ an Tighearn e. 3 (A nis bha ’n duine Maois ro-chiuin (2), thar nan uile dhaoine a bha air aghaidh na talmhainn) 4 Agus labhair an Tighearna gu grad re Maois, agus re h-Aaron, agus re Miriam, Thigibh a mach sibhse ’nar triuir ga pàilliun a’ choi’-thionail. Agus thàinig iad ’nan triuir a mach. 5 Agus thàinig an Tighearna nuas ann am meall neoil, agus sheas e ann an dorus a’ phàilliuin, agus ghairm e air Aaron agus Miriam: agus thàinig iad le chéile a mach. 6 Agus thubhairt e, Eisdibh a nis re m’ bhriathraibh-sa: Ma tha fàidh ’nar measg, ni mise an Tighearna mi féin aithnichte dha ann an taisbeanadh (3), agus labhraidh mi ris ann am bruadar. 7 Cha ’n’eil mo sheirbhiseach Maois mar sin, a tha fìrinneach (4) ann am thigh uile. 8 Beul re beul labhraidh mi ris-san, eadhon gu soilleir, agus cha ’n ann am briathraibh dorcha, agus coslas an Tighearna chi e: c’ar son ma ta nach robh eagal oirbh labhairt ’an aghaidh mo sheirbhisich Mhaois? 9 Agus las fearg an Tighearna ’nan aghaidh, agus dh’fhalbh e. 10 Agus dh’fhalbh an neul bhàrr a’ phàilliuin, agus feuch, rinneadh Miriam ’na lobhar, geal mar shneachda: agus dh’amhairc Aaron air Miriam, agus feuch, bha i ’na lobhar. 11 Agus thubhairt Aaron re (1) quails. Sasg. (2) ro-shèimh. (3) foillseachadh, taibhse. (4) tairis, dìleas. [TD 251] AIREAMH. CAIB. XIII. Maois, Och! mo Thighearna, guidheam ort, na cuir am peacadh as ar leth (1), leis an d’rinn sinn gu h-amaideach, agus leis an do pheacaich sinn. 12 Na biodh i mar aon marbh, d’am bheil an fheoil air a leth-chaitheamh, ’nuair a thig e mach a broinn a mhàthar. 13 Agus ghlaodh Maois ris an Tighearna, ag ràdh, Leighis i nis, O Dhé, guidheam ort. 14 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Nan tilgeadh a h-athair ach smugaid ’na h-eudan, nach bu chòir dh’i bhi fa nàire seachd laithean? druidear a mach o’n champa i rè sheachd laithean, agus ’na dhéigh sin gabhar a steach i rìs. 15 Agus dhruideadh Miriam a mach o’n champa seachd laithean: agus cha do ghabh an sluagh an turus, gus an d’thugadh Miriam a steach a rìs. 16 Agus ’na dhéigh sin dh’imich an sluagh o Haserot, agus champaich iad ann am fàsach Pharain. CAIB. XIII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Cuir daoine uait, a chum as gu’n rannsaich iad tìr Chanaain, a bheir mise do chloinn Israeil; as gach uile thréibh d’an aithreachaibh cuiridh sibh duine, gach aon diubh ’na cheannard ’nam measg. 3 Agus chuir Maois iad o fhàsach Pharain, a réir àithne an Tighearna: bu cheannardan na daoine sin uile air cloinn Israeil. 4 Agus is iad so an ainmeanna: Do thréibh Reubein, Samua mac Shacuir. 5 Do thréibh Shimeoin, Saphat mac Hori. 6 Do thréibh Iudaih, Caleb mac Iephuneh. 7 Do thréibh Isachair, Igal mac Ioseiph. 8 Do thréibh Ephraim, Osea mac Nun. 9 Do thréibh Bheniamin, Palti mac Raphu. 10 Do thréibh Shebuluin, Gadiel mac Shodi. 11 Do thréibh Ioseiph, eadhon, do thréibh Mhanaseih, Gadi mac Shusi. 12 Do thréibh Dhan, Amiel mac Ghemali. 13 Do thréibh Aseir, Setur mac Mhichaeil. 14 Do thréibh Naphtali, Nahbi mac Uopsi. 15 Do thréibh Ghad, Geuel mac Mhachi. 16 Is iad sin ainmeanna nan daoine a chuir Maois a ghabhail beachd air an fhearann: Agus thug Maois Iehosua mar ainm air Osea mac Nun. 17 Agus chuir Maois iad a ghabhail beachd air talamh Chanaain, agus thubhairt e riu, Rachaibh suas ’san t-slighe so mu dheas, agus gabhaibh suas a chum na beinne: 18 Agus faicibh am fearann ciod e, agus an sluagh a ta ’nan còmhnuidh ann, am bheil iad làidir no anfhann, tearc no lìonmhor: 19 Agus ciod e am fearann anns am bheil iad a chòmhnuidh, am bheil e math no olc: agus ciod iad na bailte anns am bheil iad ’nan còmhnuidh, an ann am (1) na leig, na càirich am peacadh oirn. [TD 252] AIREAMH. CAIB. XIII. bùthaibh, no ann an daingneachaibh (1) làidir; 20 Agus ciod e an talamh (2), am bheil e reamhar no caol (5), am bheil coille ann no nach ’eil. Agus biodh agaibh deagh mhisneach, agus thugaibh leibh do thoradh an fhearainn (a nis b’e ’n t-àm àm nan ceud dhearca-fìona abuich.) 21 Mar sin chaidh iad suas, agus rannsaich iad am fearann o fhàsach Shin, gu Rehob, mar a théid daoine gu Hamat. 22 Agus chaidh iad suas mu dheas, agus thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahiman, Sesai, agus Talmai, mic Anaic (a nis thogadh Hebron seachd bliadhnan roimh Shoan ’san Eiphit) 23 Agus thàinig iad gu sruth (4) Escoil, agus ghearr iad sìos as sin geug le aon bhagaide fhìon-dhearc, agus ghiùlain iad i eadar dhithis air luirg: agus thug iad leo do na pomgranadaibh, agus do na fìgisibh. 24 Thugadh sruth Escoil mar ainm air an àite sin, air son a’ bhagaide fhìon-dhearcan a ghearr clann Israeil sìos as sin. 25 Agus phill iad o rannsachadh an fhearainn ’an déidh dhà fhichead là. 26 Agus dh’imich iad, agus thàinig iad gu Maois agus gu h-Aaron, agus gu co’-chruinneach chloinn Israeil uile, gu fàsach Pharain, gu Cades; agus thug iad leo fios d’an ionnsuidh, agus a dh’ionnsuidh a’ cho’-chruinnich uile, agus dh’fheuch (5) iad dhoibh toradh na tìre. 27 Agus dh’innis iad dha, agus thubhairt iad, Thàinig sinne a dh’ionnsuidh an fhearainn gus an do chuir thu sinn, agus gu deimhin tha e sruthadh le bainne agus mil; agus is e so a thoradh. 28 Gidheadh tha ’n sluagh làidir a tha ’nan còmhnuidh ’san fhearann, agus tha na bailte air an cuartachadh le ballaibh, agus ro-mhòr: agus os bàrr chunnaic sinn clann Anaic ’an sin. 29 Tha na h-Amalecich ’nan còmhnuidh ’am fearann na h-airde deas: agus tha na Hitich agus na Iebusaich, agus na h-Amoraich ’nan còmhnuidh ’sna beanntaibh: agus tha na Canaanich ’nan còmhnuidh làimh ris an fhairge, agus re taobh Iordain. 30 Agus chiùinich (6) Caleb an sluagh ’an làthair Mhaois, agus thubhairt e, Rachamaid suas a dh’aon sheachd, agus sealbhaicheamaid e; oir is urrainn sinn gu cinnteach a cheannsachadh (7). 31 Ach thubhairt na daoine a chaidh suas maille ris, Cha ’n urrainn sinn dol suas ’an aghaidh an t-sluaigh, oir is treise iad na sinne. 32 Agus thug iad droch sgeul (8) air an fhearann a rannsaich iad gu cloinn Israeil, ag ràdh, Am fearann tre ’n deachaidh sinne ’ga rannsachadh, is fearann e a tha ’g itheadh suas a luchd-àitich, agus an sluagh uile a chunnaic sinn ann, is daoine iad do mheudachd mhòir (9). 33 Agus chunnaic sinn na famhairean (10) ’an sin, mic Anaic, a thàinig o na famhairean: agus bha sinne ’n ar sealladh féin mar (1) àitibh daingnichte. (2) fonn, fearann. (3) truagh, bochd. (4) srath, gleann. (5) nochd. (6) shìthich, chaisg. (7) oir gu cinnteach buadhaichidh sinn air. (8) tuairesgeul. (9) daoine garbha, mòr ’nam pearsa. (10) athaich. [TD 253] AIREAMH. CAIB. XIV. fhionnain-feoir (1), agus bha sinn mar sin ’nan sealladh-san. CAIB. XIV. AGUS thog an co’-chruinneach uile suas an guth, agus ghlaodh iad; agus ghuil an sluagh air an oidhche sin. 2 Agus rinn clann Israeil uile gearan ’an aghaidh Mhaois, agus ’an aghaidh Aaroin: agus thubhairt an co’-chruinneach uile riu, Och nach d’fhuair sinn bàs ann an tìr na h-Eiphit, no nach d’fhuair sinn bàs anns an fhàsach so! 3 Agus c’ar son a thug an Tighearna sinn do’n fhearann so, a thuiteam leis a’ chlaidheamh, a chum gu’m biodh ar mnài agus ar clann bheag ’nan cobhartaich (2)? nach b’fhearr dhuinn pilleadh do’n Eiphit? 4 Agus thubhairt iad gach fear re chéile (3), Deanamaid dhuinn féin ceannard, agus pilleamaid do’n Eiphit. 5 ’An sin thuit Maois agus Aaron air an aghaidh ’an làthair coi’-thionail co’-chruinnich chloinn Israeil uile. 6 Agus reub Iosua mac Nun, agus Caleb mac Iephuneh, a bha dhiubhsan a rannsaich am fearann, an eudach. 7 Agus labhair iad re cuideachd chloinn Israeil uile, ag ràdh, Am fearann a chaidh sinne troimhe g’a rannsachadh, is fearann ro-mhath e. 8 Ma tha tlachd aig an Tighearn annainn, ’an sin bheir e sinn a dh’ionnsuidh an fhearainn so, agus bheir e dhuinn e, fearann a tha sruthadh le mil agus bainne. 9 A mhàin na deanaibh ceannairc (4) ’an aghaidh an Tighearna, agus na biodh eagal sluaigh an fhearainn oirbh; oir is aran duinn iad: dh’fhalbh an dìon uatha, agus tha ’n Tighearna maille ruinne; na biodh eagal oirbh rompa. 10 Ach dh’iarr an co’-chruinneach uile an clachadh le clachaibh: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearn ann am pàilliun a’ choi’-thionail, ’an làthair chloinn Israeil uile. 11 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Cia fhad a bhrosnaicheas an sluagh so mi? agus cia fhad a bhitheas e mun creid iad mi, air son nan comharan uile a nochd (5) mi ’nam measg? 12 Buailidh mi iad leis a’ phlàigh, agus fògraidh mi iad (6), agus ni mi thusa a’d’ chinneach a’s mò, agus a’s cumhachdaiche na iadsan. 13 Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, ’An sin cluinnidh na h-Eiphitich e (oir thug thusa nìos an sluagh so le d’ chumhachd o bhi ’nam measg) (7) 14 Agus innsidh iad e do luchd-àiteachaidh an fhearainn so; oir chual’ iad gu bheil thusa, a Thighearn, am measg an t-sluaigh so, gu bheil thusa, a Thighearn, air t’fhaicinn aghaidh re h-aghaidh, agus gu bheil do neul a’ seasamh os an ceann, agus gu bheil thu ag imeachd rompa ann am meall neoil ’san (1) leumnaich-uaine. (2) ’nan creich. (3) r’a bhràthair. Eabh. (4) ar’ a mach. (5) rinn. Eabh. (6) arfuntaichidh mi iad, bheir mi an oighreachd dhiubh. Eabh. (7) as meadhon an d’thug thu nìos an sluagh so le d’ chumhachd. [TD 254] AIREAMH. CAIB. XIV. là, agus ann am meall teine ’san oidhche. 15 A nis ma mharbhas tu an sluagh so uile mar aon duine, ’an sin labhraidh na cinnich a chual’ iomradh ort, ag ràdh, 16 A chionn nach b’urrainn an Tighearn an sluagh so thoirt do’n fhearann a mhionnaich e dhoibh, uime sin mharbh e iad ’san fhàsach. 17 Agus a nis, guidheam ort, biodh cumhachd mo Thighearna mòr, a réir mar a labhair thu, ag ràdh, 18 Tha ’n Tighearna fad-fhulangach, agus mòr-thròcaireach, a’ toirt maitheanais ann an aingidheachd, agus ann an eusaontas, agus air chor sam bith nach saor (1) an ciontach, a’ leantuinn aingidheachd nan aithreacha air a’ chloinn, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach. 19 Math, guidheam ort, aingidheachd an t-sluaigh so, a réir meud do thròcair, agus a réir mar a thug thu maitheanas do’n t-sluagh so o’n Eiphit gus a nis. 20 Agus thubhairt an Tighearna, Mhath mi a réir t’fhocail: 21 Agus co fhìor ’s a ta mi beo, lìonar an talamh uile le glòir an Tighearna. 22 Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharan (2) a rinn mi ’san Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi nis na deich uairean so, agus nach d’éisd re m’ ghuth; 23 Gu cinnteach cha’n fhaic iadsan am fearann a mhionnaich mi d’an aithreachaibh, ni mò a chi neach air bith dhiubhsan a bhrosnaich mi e: 24 Ach mo sheirbhiseach Caleb, a chionn gu’n robh aige-san spiorad eile maille ris, agus gu’n do lean e mi gu h-iomlan; esan bheir mi do’n fhearann, d’an deachaidh e: agus sealbhaichidh a shliochd e. 25 (A nis bha na h-Amalecich, agus na Canaanaich ’nan còmhnuidh ’sa’ ghleann) Am màireach pillibh, agus rachaibh do’n fhàsach, air slighe na mara ruaidhe. 26 Agus labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, ag ràdh, 27 Cia fhad a ghiùlaineas mi leis an droch cho’-chruinneach so a tha re gearan a’m’ aghaidh? chuala mi gearain chloinn Israeil, leis am bheil iad re gearan a’m’ aghaidh. 28 Abair riu, Co fhìor’s a ta mi beo, ars’ an Tighearna, mar a labhair sibh a’m’ éisdeachd (3), mar sin ni mi ribh. 29 ’San fhàsach so tuitidh bhur colanna: agus a’ mheud’s a chaidh àireamh dhibh a réir bhur n-àireimh iomlain, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, a rinn gearan a’m’ aghaidh, 30 Gun amharus sam bith cha d’thig sibh a steach do’n fhearann a mhionnaich mise gu’n d’thugainn oirbh còmhnuidh a ghabhail ann, saor o Chaleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nun. 31 Ach bhur clann bheag, a thubhairt sibh a bhiodh ’nan cobhartaich, iadsan bheir mi steach, agus gabhaidh iad eòlas air an (1) glan. (2) mo mhìorbhuilean. (3) a’m’ chluasaibh. Eabh. [TD 255] AIREAMH. CAIB. XV. fhearann air an d’rinn sibhse tàir. 32 Agus air bhur son-sa dheth, tuitidh bhur colanna (1) anns an fhàsach so. 33 Agus bithidh bhur clann air seacharan ’san fhàsach dà fhichead bhliadhna, agus giùlainidh iad bhur strìopachais, gus an caithear bhur colanna ’san fhàsach. 34 A réir àireimh nan laithean anns an do rannsaich sibh am fearann, eadhon dà fhichead là (gach là air son bliadhna) giùlainidh sibh bhur n-eucearta, eadhon dà fhichead bhliadhna, agus bithidh fios agaibh air mo bhriseadh-geallaidh-sa. 35 Thubhairt mise an Tighearn e, agus gu cinnteach ni mi e do’n cho’-chruinneach olc so uile, a chruinnich a’m’ aghaidh: anns an fhàsach so claoidhear iad, agus ’an sin gheibh iad bàs. 36 Agus na daoine a chuir Maois a rannsachadh an fhearainn, a phill, agus a thug air a’ cho’-chruinneach uile gearan a dheanamh ’na aghaidh, le droch sgeul (2) a thoirt seachad air an fhearann, 37 Fhuair eadhon na daoine sin a thug seachad droch sgeul air fhearann, bàs leis a’ phlàigh ’an làthair an Tighearna. 38 Ach mhair Iosua mac Nun, agus Caleb mac Iephuneh, beo do na daoinibh sin a chaidh a rannsachadh an fhearainn. 39 Agus dh’innis Maois na briathra sin do chloinn Israeil uile: agus rinn an sluagh caoidh mhòr. 40 Agus dh’éirich iad gu moch ’sa’ mhadainn, agus chaidh iad suas (3) gu mullach an t-sléibh, ag ràdh, Feuch, tha sinne ’an so, agus théid sinn suas do’n àite a gheall an Tighearna: oir pheacaich sinn. 41 Agus thubhairt Maois, C’ar son a nis a tha sibh a’ briseadh àithne an Tighearna? ach cha soirbhich an ni so leibh. 42 Na rachaibh suas, oir cha ’n’eil an Tighearna ’nar measg; a chum as nach buailear sibh ’an làthair bhur naimhde. 43 Oir tha na h-Amalecich agus na Canaanaich ’an sin romhaibh, agus tuitidh sibh leis a’ chlaidheamh, a chionn gu’n do chlaon sibh o’n Tighearna: uime sin cha bhi ’n Tighearna maille ribh. 44 Ach ghabh iad do dhànadas orra dol suas gu mullach an t-sléibh: gidheadh cha deachaidh airc coi’-cheangail an Tighearna, no Maois, a mach as a’ champa. 45 ’An sin thàinig na h-Amalecich a nuas, agus na Canaanaich a bha ’nan còmhnuidh ’san t-sliabh sin, agus bhuail siad iad, agus chuir iad an ruaig orra, eadhon gu Hormah. CAIB. XV. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, ’Nuair a thig sibh a chum fearainn bhur n-àiteacha-còmhnuidh, a tha mise a’ tabhairt dhuibh, 3 Agus a bheir sibh suas tabhartas le teine do’n Tighearna, tabhartas-loisgte no ìobairt, gu bòid a choi’-lionadh, no mar thabhartas saor-thoile, no ’nar (1) cuirp mhairbh, closaichean. (2) tuaileas. (3) b’àill leo dol suas. [TD 256] AIREAMH. CAIB. XV. n-ard fhéillibh (1), a dheanamh fàile cùbhraidh do’n Tighearna, do’n spréidh no do’n treud: 4 ’An sin bheir esan a bheir seachad a thabhartas do’n Tighearna, seachad tabhartas-bìdh do’n deicheamh cuid do phlùr measgta maille ris a’ cheathramh cuid do hin ola. 5 Agus bheir thu seachad (2) an ceathramh cuid do hin fìona mar thabhartas-dibhe, maille ris an tabhartas-loisgte no’n ìobairt, air son aon uain. 6 No air son reithe, bheir thu seachad mar thabhartas-bìdh, dà dheicheamh cuid do phlùr measgta leis an treas cuid do hin ola. 7 Agus a chum tabhartais-dibhe, bheir thu seachad an treas cuid do hin fìona, chum fàile cùbhraidh do’n Tighearna. 8 Agus an uair a bheir thu seachad tarbh òg mar ìobairt-loisgte, no mar ìobairt gu bòid a choi’-lionadh, no mar ìobairt-shìth do’n Tighearna, 9 ’An sin bheirear (3) maille ris an tarbh òg, tabhartas-bìdh do thri deich codaichibh do phlùr measgta le leth hin ola. 10 Agus bheir thu seachad a chum tabhartais-dibhe leth hin fìona, chum tabhartais a bheirear suas le teine dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna. 11 Mar so nìthear air son aon tairbh, no air son aon reithe, no air son uain, no minn. 12 A réir an àireimh a bheir sibh seachad, mar sin ni sibh do gach aon, a réir an àireimh. 13 Gach neach a rugadh ’san dùthaich, ni e na nithe sin air a’ mhodh so, ann an tabhartas a thoirt seachad a bheirear suas le teine dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna. 14 Agus ma bhios coigreach air chuairt maille ribh, no co air bith e bhios ’nar measg ’nar ginealachaibh, agus gu’n d’thoir e seachad tabhartas bheirear suas le teine dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna: mar a ni sibhse, mar sin ni esan. 15 Bithidh aon reachd dhuibhse a ta do’n cho’-chruinneach, agus mar an ceudna do’n choigreach a ta air chuairt maille ribh, reachd sìorruidh ’nar ginealachaibh: mar a ta sibhse, mar sin bithidh an coigreach ’an làthair an Tighearna. 16 Aon lagh, agus aon mhodh bithidh agaibhse, agus aig a’ choigreach a ta air chuairt maille ribh. 17 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 18 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, ’Nuair a théid sibh a steach do’n fhearann d’am bheil mise ’gar tabhairt, 19 ’An sin tarlaidh, ’nuair a dh’itheas sibh a dh’aran an fhearainn, gu’n d’thoir sibh suas tabhartas-togta do’n Tighearna. 20 Bheir sibh suas breacag do’n cheud chuid d’ar taois, mar thabhartas-togta; mar a thogas sibh tabhartas-togta an urlair-bhualaidh, mar sin togaidh sibh i. 21 Do’n cheud chuid d’ar taois bheir sibh do’n Tighearna tabhartas-togta, ’nar ginealachaibh. 22 Agus ma rinn sibh mearachd, agus nach do ghleidh (4) (1) féisdibh sònruichte. (2) ulluichidh tu; ni thu. Eabh. (3) bheir e. Eabh. (4) rinn. Eabh. [TD 257] AIREAMH. CAIB. XV. sibh na h-àitheanta sin uile a labhair an Tighearna re Maois, 23 Eadhon gach ni a dh’àithn an Tighearna dhuibh le làimh Mhaois, o’n là sin anns an d’thug an Tighearn àithne do Mhaois, agus o sin suas air feadh bhur ginealacha: 24 ’An sin tarlaidh, ma rinneadh ni sam bith ann an aineolas gun fhios do’n cho’-chruinneach, gu’n d’ thoir an co’-chruinneach uile seachad aon tarbh òg a chum ìobairt-loisgte, chum fàile cùbhraidh do’n Tighearna, maille r’a thabhartas-bìdh agus a thabhartas-dibhe, a réir a’ ghnàtha, agus aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh. 25 Agus ni an sagart réite air son co’-chruinnich chloinn Israeil uile, agus mathar dhoibh e, oir is aineolas a t’ann: agus bheir iad leo an tabhartas, ìobairt a bheirear suas le teine do’n Tighearna, agus an ìobairt-pheacaidh ’an làthair an Tighearna, air son an aineolais. 26 Agus mathar e do cho’-chruinneach chloinn Israeil uile, agus do’n choigreach a ta air chuairt ’nam measg; do bhrì’ gu’n robh an sluagh uile ann an aineolas. 27 Agus ma pheacaicheas anam sam bith tre aineolas, ’an sin bheir e leis gabhar do’n cheud bhliadhna chum ìobairt-pheacaidh. 28 Agus ni ’n sagart réite air son an anma a pheacaicheas gu h-aineolach, an uair a pheacaicheas e le h-aineolas ’an làthair an Tighearna, dheanamh réite air a shon; agus mathar dha e. 29 Bithidh aon lagh agaibh air a shonsan a pheacaicheas tre aineolas, araon air a shonsan a rugadh am measg chloinn Israeil, agus air son a’ choigrich a ta air chuairt ’nam measg. 30 Ach an t-anam a ni bheag gu h-andàna (1), (co dhiubh a rugadh e ’san tìr, no ’s coigreach e) tha esan a’ toirt eas-urraim do’n Tighearna; agus gearrar an t-anam sin as o mheasg a shluaigh. 31 Do bhrì’ gu’n d’rinn e tàir air focal an Tighearna, agus gu’n do bhris e àithne; gearrar an t-anam sin as gu tur: bithidh aingidheachd air féin. 32 Agus an uair a bha clann Israel ’san fhàsach, fhuair iad duine a’ tional mhaidean (2) air là na sàbaid. 33 Agus thug iadsan a fhuair e tional mhaidean a dh’ionnsuidh Mhaois e, agus a dh’ionnsuidh Aaroin, agus a dh’ionnsuidh a’ cho’-chruinnich uile. 34 Agus chuir iad ’an làimh e, a chionn nach d’innseadh ciod bu chòir a dheanamh ris. 35 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Cuirear an duine gu cinnteach gu bàs; clachaidh an co’-chruinneach uile e le clachaibh an taobh a muigh do’n champa. 36 Agus thug an co’-chruinneach uile mach e as a’ champa, agus chlach iad e le clachaibh, agus fhuair e bàs; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 37 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, (1) le làimh aird. Eabh. (2) fiodha, connaidh. [TD 258] AIREAMH. CAIB. XVI. 38 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, iad a dheanamh fàbhradh (1) dhoibh féin air iomallaibh an eudaich air feadh an ginealach, agus iad a chur air fàbhradh nan iomall iall (2) do ghorm. 39 Agus bithidh e dhuibh mar fhàbhradh; agus amhaircidh sibh air, a chum gu’n cuimhnich sibh uile àitheanta an Tighearna, agus gu’n dean sibh iad; agus nach iarr sibh ’an déigh bhur cridhe agus bhur sùl féin, nithe ’s àbhaist duibh dol ’nan déigh le h-an-miann (3): 40 A chum as gu’n cuimhnich, agus gu’n dean sibh m’àitheantan uile, agus gu’m bi sibh naomha d’ar Dia. 41 Is mise an Tighearna bhur Dia, a thug a mach sibh a tìr na h-Eiphit, gu bhi’m Dhia dhuibh: Is mise an Tighearna bhur Dia. CAIB. XVI. AGUS ghabh Corah mac Idshair, mhic Cohait, mhic Lebhi, agus Datan agus Abiram mic Eliaib, agus On mac Pheleit, mic Reubein, daoine. 2 Agus dh’éirich iad suas ’an làthair Mhaois (4), maille re daoin’ àraidh do chloinn Israeil, dà cheud agus leth-cheud ceannard do’n cho’-thional, inbheach (5) ’sa’ cho’-chruinneach, daoin’ iomraideach (6). 3 Agus chruinnich siad iad féin ’an ceann a chéile ’an aghaidh Mhaois agus ’an aghaidh Aaroin, agus thubhairt iad riu, Tha sibh a’ gabhail tuille ’s a’ chòir oirbh féin, do bhrì’ gu’m bheil an co’-chruinneach uile naomha gach aon diubh, agus tha ’n Tighearna ’nam measg: c’ar son uime sin a tha sibh ’gar togail féin suas os cionn co’-chruinnich an Tighearna? 4 Agus an uair a chuala Maois e, thuit e air aghaidh: 5 Agus labhair e re Corah, agus r’a chuideachd uile, ag ràdh, Eadhon am màireach nochdaidh an Tighearna cò iad a’s leis, agus cò a ta naomha, agus bheir e air teachd am fagus da: bheir e eadhon air-san a ròghnaich e, teachd am fagus da. 6 Deanaibhse so; gabhaibh dhuibh féin tùiseirean, Corah, agus a chuideachd uile; 7 Agus cuiribh teine annta, agus cuiribh tùis orra ’an làthair an Tighearn air an là màireach; agus an duine sin a ròghnaicheas an Tighearna, bithidh esan naomha; tha sibh a’ gabhail tuille ’s a chòir oirbh féin, sibhse a mhic Lebhi. 8 Agus thubhairt Maois re Corah, Eisdibh, guidheam oirbh, sibhse a mhic Lebhi: 9 An ni beag e ’nar barail-sa, gu’n do sgar Dia Israeil sibh o cho’-chruinneach Israeil, gu’r toirt am fagus da féin, a dheanamh seirbhis pàilliuin an Tighearna, agus a sheasamh am fianuis a’ cho’-chruinnich, a fhrithealadh dhoibh? 10 Agus thug e thus’ am fagus da féin, agus do bhràithrean uile mic Lebhi maille riut: agus am bheil sibh ag iarraidh na sagartachd mar an ceudna? 11 Air an aobhar sin tha thusa, agus do chuideachd uile, air (1) fringe. Sasg. (2) riobainn, snàthainn. (3) strìopachas. (4) ’an aghaidh Mhaois. (5) gairmte. Eabh. (6) ainmeil, alloil. [TD 259] AIREAMH. CAIB. XVI. bhur cruinneachadh ’an ceann a chéile ’an aghaidh an Tighearna: agus a thaobh Aaroin, ciod e, gu’m bheil sibh re gearan ’na aghaidh-san? 12 Agus chuir Maois teachdaire uaith a ghairm Dhatain agus Abiraim mhac Eliaib, muinntir a thubhairt, Cha d’ théid sinn suas. 13 An ni beag e gu’n d’ thug thu nìos sinn a talamh a tha sruthadh le bainne agus mil, gu’r marbhadh ’san fhàsach, mur dean thu thu féin gu h-iomlan a’d’ uachdaran os ar ceann? 14 A thuilleadh air so, cha d’thug thu sinn gu fearann a ta sruthadh le mil agus le bainne, ni mò thug thu dhuinn oighreachd mhachrach agus fhìon-liosan: an cuir thu mach sùilean nan daoine sin? cha d’ théid sinne suas. 15 Agus bha Maois ro-dhiomach, agus thubhairt e ris an Tighearna, Na biodh meas agad d’an tabhartas; cha do ghabh mise aon asal uatha, ni mò rinn mi cron air a h-aon diubh. 16 Agus thubhairt Maois re Corah, Bi thusa agus do chuideachd uile ’an làthair an Tighearna, thusa, agus iadsan, agus Aaron am màireach; 17 Agus gabhaibh gach duine a thùiseir, agus cuiribh tùis annta, agus thugaibh ’an làthair an Tighearna gach duine a thùiseir, dà cheud agus leth-cheud tùiseir; thusa mar an ceudna agus Aaron, gach aon dhibh a thùiseir. 18 Agus ghabh gach duine dhiubh a thùiseir, agus chuir iad teine annta, agus chuir iad tùis orra, agus sheas iad ann an dorus pàilliuin a’ choi’-thionail maille re Maois agus re h-Aaron. 19 Agus chruinnich Corah an co’-chruinneach uile ’nan aghaidh gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail: agus thaisbeineadh glòir an Tighearna do’n cho’-chruinneach uile. 20 Agus labhair an Tighearna re Maois, agus re h-Aaron, ag ràdh, 21 Sgaraibh sibh féin o mheasg a’ cho’-chruinnich so, agus sgriosaidh mi iad mar ann am priobadh na sùla (1). 22 Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhé, Dia spiorad gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho’-chruinneach uile? 23 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 24 Labhair ris a’ cho’-chruinneach, ag ràdh, Rachaibh suas o thimchioll pàilliuin Choraih, Dhatain, agus Abiraim. 25 Agus dh’éirich Maois suas, agus chaidh e dh’ionnsuidh Dhatain agus Abiraim; agus lean seanairean Israeil e. 26 Agus labhair e ris a’ cho’-chruinneach, ag ràdh, Sgaraibh sibh féin, guidheam oirbh, o bhùthaibh nan daoine aingidh ud, agus na beanaibh re ni sam bith a ’s leo, an t-eagal gu’n sgriosar sibh ’nam peacannaibh uile. 27 Mar sin chaidh iad suas o phàilliun Choraih, Dhatain, agus Abiraim, air gach taobh: agus thàinig Datan agus Abiram a mach, agus sheas iad ann an dorus am bùthan, a- (1) ann am platha. [TD 260] AIREAMH. CAIB. XVI. gus am mnài, agus am mic, agus an clann bheag. 28 Agus thubhairt Maois, Le so bithidh fios agaibh gu’n do chuir an Tighearna mise a dheanamh nan oibre sin uile; oir cha d’rinn mi iad as mo cheann féin (1). 29 Ma gheibh na daoine sin bàs mar na h-uile dhaoin’ eile, no ma dh’fhiosraichear iad a réir fiosrachaidh nan uile dhaoine; ’an sin cha do chuir an Tighearn mise uaith. 30 Ach ma ni ’n Tighearna gnìomh nuadh, agus gu’m fosgail an talamh a bheul, agus gu’n sluig e suas iad maille ris gach ni a’s leo, agus gu’n d’théid iad sìos beò do’n t-slochd; ’an sin tuigidh sibh gu’n do bhrosnaich na daoine sin an Tighearna. 31 Agus tharla ’nuair a sguir e do labhairt nam briathra sin uile, gu’n do sgoilt an talamh a bha fodha (2) o chéile: 32 Agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas iad, agus an tighean, agus na daoin’ uile a bhuin do Chorah, agus am maoin uile. 33 Chaidh iad féin, agus gach ni a bhuin doibh, beò sìos do’n t-slochd, agus dhruid an talamh orra: agus chaidh as doibh o mheasg a’ cho’-chruinnich. 34 Agus theich Israel uile a bha m’an timchioll, ra’n glaodh; oir thubhairt iad, An t-eagal gu’n sluig an talamh sinne suas mar an ceudna. 35 Agus thàinig teine a mach o’n Tighearna, agus loisg e ’n dà cheud agus an leth-cheud fear a thug seachad tùis. 36 Agus labhair an Tighearna na re Maois, ag ràdh, 37 Labhair re h-Eleasar mac Aaroin an sagart, e thogail suas nan tùiseirean a meadhon an losgaidh, agus sgap thusa an teine ’an sud; oir tha iad coisrigte. 38 Tùiseirean nam peacach ud ’an aghaidh an anma féin; agus deanadh iad dhiubh leachdan leathan mar chòmhdach do’n altair: oir thug iad seachad iad ’an làthair an Tighearna, air an aobhar sin tha iad coisrigte; agus bithidh iad ’nan comhara do chloinn Israeil. 39 Agus ghabh Eleasar an sagart na tùiseirean umha, leis an d’ thug iadsan a chaidh losgadh seachad tabhartas; agus rinneadh iad ’nan leachdaibh leathan mar chòmhdach do’n altair: 40 Gu bhi ’nan cuimhneachan do chloinn Israeil, air chor as nach d’thig coigreach, nach ’eil do shliochd Aaroin, am fagus a losgadh tùis ’an làthair an Tighearna; chum as nach bi e mar Chorah, agus mar a chuideachd: mar a thubhairt an Tighearna ris le làimh Mhaois. 41 Ach air an là màireach, rinn co’-chruinneach chloinn Israeil uile gearan ’an aghaidh Mhaois agus ’an aghaidh Aaroin, ag ràdh, Mharbh sibh sluagh an Tighearna. 42 Agus tharla ’nuair a chruinnicheadh an co’-chruinneach ’an aghaidh Mhaois agus ’an aghaidh Aaroin, gu’n do sheall iad air pàilliun a’ choi’-thionail: agus feuch, chòmhdaich an neul e, agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna. (1) o m’ chridhe féin. Eabh. (2) fodhpa. [TD 261] AIREAMH. CAIB. XVII. 43 Agus thàinig Maois agus Aaron gu beulaobh pàilliuin a choi’-thionail. 44 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 45 Rachaibh suas o mheasg a’ cho’-chruinnich so, agus sgriosaidh mi iad mar ann am priobadh na sùla: agus thuit iad air an eudannaibh. 46 Agus thubhairt Maois re h-Aaron, Glac tùiseir, agus cuir teine ann bhàrr na h-altarach, agus cuir tùis air, agus imich gu grad a dh’ionnsuidh a’ cho’-chruinnich, agus dean réite air an son; oir chaidh fearg a mach o’n Tighearna (1): thòisich a’ phlàigh. 47 Agus ghlac Aaron e, mar a dh’àithn Maois, agus ruidh e gu meadhon a’ cho’-chruinnich; agus feuch, bha phlàigh air tòiseachadh am measg an t-sluaigh: agus chuir e tùis air, agus rinn e réite air son an t-sluaigh. 48 Agus sheas e eadar na mairbh agus na beotha, agus choisgeadh a’ phlàigh. 49 Agus bhàsaich ’sa’ phlàigh ceithir mìle deug agus seachd ceud, a thuilleadh orra-san a bhàsaich ’an aobhar Choraih. 50 Agus phill Aaron a dh’ionnsuidh Mhaois, gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail: agus choisgeadh a’ phlàigh. CAIB. XVII. AGUS labhair an Tighearna na re Maois, ag ràdh, 2 Labhair re cloinn Israeil, agus gabh slat o gach aon aca, a réir tighe an aithreacha, o’n ceannardaibh uile, a réir tighe an aithreacha, dà shlait deug: sgrìobh ainm gach duine air a shlait féin. 3 Agus sgrìobhaidh tu ainm Aaroin air slait Lebhi: oir bithidh aon slat air son cinn tighe an aithreacha. 4 Agus cuiridh tu suas iad ann am pàilliun a’ choi’-thionail, ’an làthair na fianuis, far an coinnich mis’ thu. 5 Agus tarlaidh, gu’n d’thig slat an duine a thaghas mise fuidh bhlàth (2); agus bheir mi air gearain chloinn Israeil sgur uam, leis am bheil iad re gearan ’nar n-aghaidh-sa. 6 Agus labhair Maois re cloinn Israeil, agus thug gach aon d’an ceannardaibh dha slat am fear, aon air son gach ceannaird, a réir tighe an aithreacha, eadhon da shlait deug: agus bha slat Aaroin am measg an slat. 7 Agus chuir Maois suas na slatan ’an làthair an Tighearn, ann am pàilliun na fianuis. 8 Agus air an là màireach chaidh Maois a steach do phàilliun na fianuis; agus feuch, bha slat Aaroin, air son tighe Lebhi, air briseadh a mach, agus air cur maoth dhuille aisde, agus air teachd fuidh bhlàth, agus air giùlan almona. 9 Agus thug Maois a mach na slatan uile o làthair an Tighearna gu cloinn Israeil uile; agus dh’amhairc iad orra, agus ghabh gach duine a shlat féin. 10 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Thoir slat Aaroin a rìs ’an làthair na fianuis, gu bhi air a gleidheadh mar (1) o ghnùis an Tighearna. Eabh. (2) gu’m bris slat an duine a thoghas mise a mach. [TD 262] AIREAMH. CAIB. XVIII. chomhara ’an aghaidh nan ceannairceach; agus bheir thu air falbh gu tur an gearain uamsa, chum as nach bàsaich iad. 11 Agus rinn Maois mar sin: mar a dh’àithn an Tighearna dha, mar sin rinn e. 12 Agus labhair clann Israeil re Maois, ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ bàsachadh, théid as duinn, théid as duinn uile. 13 Ge b’e air bith a thig am fagus do phàilliun an Tighearna, gheibh e bàs; an claoidhear sinn le bàsachadh? CAIB. XVIII. AGUS thubhairt an Tighearna re h-Aaron, Giùlainidh tusa agus do mhic, agus tigh d’athar maille riut, eu-ceart (1) an ionaid naomha; agus giùlainidh tusa agus do mhic maille riut eu-ceart bhur sagartachd. 2 Agus do bhràithre mar an ceudna do thréibh Lebhi, tréibh t’athar, bheir thu leat maille riut, a chum as gu’n ceanglar riut iad, agus gu’m fritheil iad dhuit: ach fritheilidh tusa agus do mhic maille riut air beulaobh pàilliuin na fianuis. 3 Agus gleidhidh iad do chùram-sa, agus cùram a’ phàilliuin uile: a mhàin cha d’thig iad am fagus do shoithichibh an ionaid naomha agus do’n altair, a chum as nach faigh aon chuid iadsan no sibhse bàs. 4 Agus ceanglar riut iad, agus gleidhidh iad cùram pàilliuin a’ choi’-thionail, air son uile sheirbhis a’ phàilliuin: agus cha d’thig coigreach am fagus duibh. 5 Agus gleidhidh sibh cùram an ionaid naomha, agus cùram na h-altarach; a chum as nach bi fearg ni’s mò air cloinn Israeil. 6 Agus mise, feuch thug mi bhur bràithre na Lebhithich o mheasg chloinn Israeil: dhuibhse thugadh iad mar thabhartas do’n Tighearna, a dheanamh seirbhis pàilliuin a’ choi’-thionail. 7 Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic maille riut, bhur sagartachd anns gach ni a bhuineas do’n altair, agus an taobh a stigh do’n roinn-bhrat, agus ni sibh seirbhis: thug mi dhuibh bhur sagartachd, mar sheirbhis tabhartais: agus an coigreach a thig am fagus, cuirear gu bàs e. 8 Agus labhair an Tighearna re h-Aaron, Feuch, thug mi dhuit mar an ceudna cùram mo thabhartasan-togta, do uile nithibh coisrigte chloinn Israeil; dhuitse thug mi iad, air son an ungaidh, agus do d’ mhic le reachd sìorruidh. 9 Bithidh so leatsa do na nithibh ro-naomha, a ghleidheadh o’n teine: gach tabhartas leo-san, gach tabhartas-bìdh leo, agus gach ìobairt-pheacaidh leo, agus gach ìobairt-eusaontais leo, a bheir iad dhomhsa, bithidh e ro-naomha dhuitse, agus do d’ mhic. 10 ’San ionad ro-naomha ithidh tu e, ithidh gach firionnach e: bithidh e naomha dhuitse. 11 Agus is leat so; tabhartas-togta an tabhartais, maille re uile thabhartasan-luaisgte chloinn Israeil: thug mi dhuitse iad, agus do d’ mhic, agus do d’ nigheanaibh maille riut, le reachd sìor- (1) peacanna. [TD 263] AIREAMH. CAIB. XVIII. ruidh: gach neach a tha glan a’d’ thigh, ithidh e dheth. 12 A’ chuid a’s fearr (1) uile do’n ola, agus a’ chuid a’s fearr uile do’n fhìon, agus do’n chruithneachd, an ceud thoradh leo-san a bheir iad seachad do’n Tighearna, iad sin thug mi dhuit. 13 Gach ni a’s luaithe bhios abuich ’nam fearann, a bheir iad chum an Tighearna, bithidh e leatsa; gach aon a ta glan a’d’ thigh, ithidh e dheth. 14 Gach ni a choisrigear ann an Israel, bithidh a leatsa. 15 Gach ni a dh’fhosglas a’ bhrù do gach feoil, a bheir iad a dh’ionnsuidh an Tighearna, ma ’s ann do dhuine, no dh’ainmhidh, bithidh e leatsa: gidheadh gu cinnteach fuasglaidh tu ceud-ghin duine, agus ceud-ghin an ainmhidh neo-ghloin fuasglaidh tu. 16 Agus iadsan a dh’fhuasglar, o mhìos a dh’aois fuasglaidh tu iad a réir do mheas, air son airgid chùig seceilean, a réir seceil an ionaid naomha: is e ’n secel fichead gerah. 17 Ach ceud-ghin bòtha, no ceud-ghin caorach, no ceud-ghin gaibhre cha ’n fhuasgail thu; tha iad naomha: crathaidh tu ’m fuil air an altair, agus loisgidh tu ’n saill mar thabhartas a bheirear suas le teine chum fàile cùbhraidh do’n Tighearna. 18 Agus bithidh am feoil leatsa, mar a bhitheas an t-uchd luaisgte agus an slinnean deas leat. 19 Uile thabhartasan-togta nan nithe naomha, a bheir clann Israeil seachad do’n Tighearna, thug mi dhuitse, agus do d’ mhic, agus do d’ nigheanaibh maille riut, le reachd sìorruidh: is coi’-cheangal salainn e gu bràth ’an làthair an Tighearna, dhuitse agus do d’ shliochd maille riut. 20 Agus labhair an Tighearna re h-Aaron, ’Nam fearann cha bhi oighreachd agad, ni mò bhios roinn agad ’nam measg: is mise do roinn-sa agus t’oighreachd am measg chloinn Israeil. 21 Agus feuch, do chloinn Lebhi thug mi an deachamh uile ann an Israel mar oighreachd, air son an seirbhis a ni iad, eadhon seirbhis pàilliuin a’ choi’-thionail. 22 Agus cha ’n fheud clann Israeil o so suas teachd am fagus do phàilliun a’ choi’-thionail, an t-eagal gu’n giùlain iad peacadh, agus gu’m faigh iad bàs. 23 Ach ni na Lebhithich seirbhis pàilliuin a’ choi’-thionail, agus giùlainidh iad an cionta: bithidh e ’na reachd sìorruidh air feadh bhur ginealacha, nach bi oighreachd sam bith aca am measg chloinn Israeil. 24 Ach deachamh chloinn Israeil a bheir iad seachad mar thabhartas-togta do’n Tighearna, thug mi do na Lebhithich mar oighreachd: uime sin thubhairt mi riu, Am measg chloinn Israeil cha bhi oighreachd aca. 25 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 26 Mar so labhair ris na Lebhithich, agus abair riu, ’Nuair a thogas sibh o chloinn Israeil an deachamh a thug mise dhuibh uatha mar bhur n-oighreachd, (1) Smior, reamhrachd. Eabh. [TD 264] AIREAMH. CAIB. XIX. ’an sin bheir sibh suas tabhartas-togta dheth do’n Tighearna, eadhon an deicheamh cuid do’n deachamh. 27 Agus measar an tabhartas-togta so dhuibh, mar gu’m b’e arbhar an urlair-bhualaidh, agus mar làine amar-bruthaidh an fhìona. 28 Mar so mar an ceudna bheir sibh seachad tabhartas-togta do’n Tighearna, d’ar n-uile dheachamh a thogas sibh o chloinn Israeil: agus bheir sibh dheth tabhartas-togta an Tighearna do Aaron an sagart. 29 As bhur n-uile thiodhlacaibh, bheir sibh seachad uile thabhartas-togta an Tighearna do’n chuid a’s fearr dheth uile, eadhon a’ chuid sin deth a tha coisrigte. 30 Uime sin their thu riu, ’Nuair a thogas sibh suas uaith a’ chuid a’s fearr dheth, ’an sin measar e do na Lebhithich mar thoradh (1) an urlair-bhualaidh, agus mar thoradh amar-bruthaidh an fhìona. 31 Agus ithidh sibh e anns gach àite, sibh féin agus bhur teaghlaichean: oir is e bhur duais air son bhur seirbhis ann am pàilliun a’ choi’-thionail. 32 Agus cha ghiùlain sibh peacadh sam bith air a shon, an uair a thogas sibh suas as a’ chuid a’s fearr dheth: ni mò a thruailleas sibh nithe naomha chloinn Israeil, an t-eagal gu’m faigh sibh bàs. CAIB. XIX. AGUS labhair an Tighearna re Maois agus re h-Aaron, ag ràdh, 2 Is e so ordugh an lagha a dh’àithn an Tighearna, ag ràdh, Labhair re cloinn Israeil, iad a thoirt a’d’ ionnsuidh agh ruagh gun ghaoid (2), air nach ’eil smal, agus nach robh riamh fuidh chuing. 3 Agus bheir sibh i dh’ionnsuidh Eleasair an t-sagairt; agus bheirear i (3) ’n taobh a muigh do’n champa, agus marbhar i ’na fhianuis. 4 Agus gabhaidh Eleasar an sagart cuid d’a fuil le mheur, agus crathaidh e cuid d’a fuil dìreach fa chomhair pàilliuin a’ choi’-thionail seachd uairean. 5 Agus loisgidh neach an t-agh ’na shealladh; a seiche, agus a feoil, agus a fuil, maille r’a h-aolach, loisgidh e. 6 Agus gabhaidh an sagart fiodh seudair, agus hiosop, agus scarlaid, agus tilgidh e sin am meadhon losgaidh an aighe. 7 ’An sin nighidh an sagart eudach, agus ionnailidh (4) e fheoil ann an uisge, agus ’an déigh sin thig e steach do’n champa, agus bithidh an sagart neo-ghlan gu feasgar. 8 Agus nighidh esan a loisg i eudach ann an uisge, agus ionnailidh e fheoil ann an uisge, agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar. 9 Agus cruinnichidh duine a ta glan luath an aighe, agus taisgidh e i ’n taobh a muigh do’n champa ann an àite glan, agus gleidhear i air son co’-chruinnich chloinn Israeil, mar uisge dealachaidh; is glanadh air son peacaidh i. 10 Agus nighidh esan a thionaileas luath an aighe eudach, (1) fhàs, phiseach. (2) fallain. (3) bheir e i. Eabh. (4) ionnladaidh. [TD 265] AIREAMH. CAIB. XX. agus bithidh e neo-ghlan gu feasgar: agus bithidh e do chloinn Israeil, agus do’n choigreach a th’air chuairt ’nam measg, ’na reachd sìorruidh. 11 Esan a bheanas re corp duine mhairbh sam bith, bithidh e neo-ghlan seachd laithean. 12 Glanaidh se e féin leis air an treas là, agus air an t-seachdamh là bithidh e glan: ach mur glan se e féin air an treas là, ’an sin air an t-seachdamh là cha bhi e glan. 13 Ge b’e neach a bheanas re corp duine sam bith a ta marbh, agus nach glan e féin, tha e truailleadh pàilliuin an Tighearna; agus gearrar an t-anam sin as o Israel; a chionn nach do chrathadh an t-uisge dealachaidh air, bithidh e neo-ghlan; tha a neo-ghloine fathast air. 14 Is e so an lagh, an uair a bhàsaicheas duine ann am bùth: Gach neach a thig a stigh do’n bhùth, agus gach neach a tha ’sa’ bhùth, bithidh iad neo-ghlan seachd laithean. 15 Agus gach soitheach fosgailte aig nach ’eil còmhdach ceangailte air, tha e neo-ghlan. 16 Agus ge b’e bheanas re neach a mharbhadh le claidheamh ’sa’ mhachair, no re corp marbh, no re cnàimh duine, no re h-uaigh, bithidh e neo-ghlan seachd laithean. 17 Agus air son an duine neo-ghloin gabhaidh iad do luaith an aighe, a loisgeadh air son glanaidh peacaidh, agus cuiridh iad uisge ruidh oirre ann an soitheach. 18 Agus gabhaidh duine glan hiosop, agus tumaidh e ’san uisge e, agus crathaidh e air a’ bhùth e, agus air na soithichibh uile, agus air a’ mhuinntir a bha ’n sin; agus airsan a bhean re cnàimh, no re neach a mharbhadh, no re aon marbh, no re h-uaigh: 19 Agus crathaidh an duine glan air an neo-ghlan air an treas là, agus air an t-seachdamh là: agus glanaidh se e féin air an t-seachdamh là, agus nighidh e eudach, agus ionnailidh se e féin ann an uisge, agus bithidh e glan air feasgar. 20 Ach an duine a bhios neo-ghlan, agus nach glan e féin, gearrar an t-anam sin as o mheasg a’ cho’-chruinnich, a chionn gu’n do thruaill e ionad naomh an Tighearna: cha do chrathadh uisge dealachaidh air; tha e neo-ghlan. 21 Agus bithidh e ’na reachd sìorruidh dhoibh, gu’n nigh esan a chrathas an t-uisge dealachaidh eudach, agus bithidh esan a bheanas ris an uisge dealachaidh, neo-ghlan gu feasgar. 22 Agus ge b’e ni ris am bean an duine neo-ghlan, bithidh e neo-ghlan: agus an t-anam a bheanas ris, bithidh e neo-ghlan gu feasgar. CAIB. XX. ’AN sin thàinig clann Israeil, eadhon an co’-chruinneach uile, gu fàsach Shin, anns a’ cheud mhìos: agus dh’fhan (3) an sluagh ann an Cades; agus fhuair Miriam bàs ’an sin, agus dh’adhlaiceadh ’an sin i. 2 Agus cha robh uisge ann do’n choi’-thional: agus chruinnich (1) air aghaidh na machrach. (2) ’san fheasgar. (3) chòmhnuich. [TD 266] AIREAMH. CAIB. XX. siad iad féin ’an aghaidh Mhaois agus ’an aghaidh Aaroin. 3 Agus throid an sluagh re Maois, agus labhair iad, ag ràdh. B’fhearr gu’m bitheamaid air faghail bàis an uair a bhàsaich ar bràithrean ’an làthair an Tighearna. 4 Agus c’ar son a thug sibh a nìos co’-chruinneach an Tighearna do’n fhàsach so, gu bàs fhaghail ’an sin, sinn féin agus ar spréidh. 5 Agus c’ar son a thug sibh oirnne teachd a nìos as an Eiphit, g’ar toirt a steach do’n droch àite so? cha’n àite sìl e, no fhìgis, no chrann-fìona, no phomgranata, ni mò ta uisge ann r’a òl. 6 Agus chaidh Maois agus Aaron o làthair a’ cho’-chruinnich gu dorus pàilliuin a’ choi’-thionail, agus thuit iad air an aghaidh: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna dhoibh. 7 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 8 Gabh an t-slat, agus cruinnich thus’ an coi’-thional ’an ceann a’ chéile, thu féin agus Aaron do bhràthair, agus labhraibh ris a’ charraig fa chomhair an sùl, agus bheir i seachad a h-uisge; agus bheir thusa mach uisge dhoibh as a’ charraig, agus bheir thu deoch do’n choi’-thional, agus d’an spréidh. 9 Agus ghabh Maois an t-slat o làthair an Tighearna, mar a dh’àithn e dha. 10 Agus chruinnich Maois agus Aaron an co’-chruinneach ’an ceann a’ chéile fa chomhair na carraige, agus thubhairt e riu, Eisdibh a nis, a luchd-ceannairc; as a’ charraig so am feum sinne uisge thoirt duibh? 11 Agus thog Maois suas a làmh, agus bhuail e charraig le shlait dà uair: agus thàinig an t-uisge mach gu pailt, agus dh’òl an co’-chruinneach, agus an spréidh. 12 Agus labhair an Tighearna re Maois agus re h-Aaron, A chionn nach do chreid sibh mi, chum mo naomhachadh ann an sùilibh chloinn Israeil, uime sin cha d’thoir sibh a steach an co’-chruinneach so do’n fhearann a thug mise dhoibh. 13 Is e so uisge Mheribah, a chionn gu’n d’rinn clann Israeil strì’ ris an Tighearna: agus naomhaicheadh e annta. 14 Agus chuir Maois teachdairean o Chades gu righ Edoim, Mar so tha do bhràthair Israel ag ràdh, Tha fios agad air an t-saothair sin uile a thàinig oirnne: 15 Mar a chaidh ar n-aithreacha sìos do’n Eiphit, agus a ghabh sinn còmhnuidh ’san Eiphit aimsir fhada (2): agus bhuin na h-Eiphitich gu h-olc ruinne, agus r’ar n-aithreachaibh. 16 Agus an uair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chual’ e ar guth, agus chuir e aingeal uaith, agus thug e mach sinn as an Eiphit: agus feuch, tha sinn ann an Cades, baile ’sa’ chuid a’s iomallaiche do d’ chrìch. 17 Leig leinn, guidheam ort, dol tre d’ dhùthaich: cha d’théid sinn tre achadh sam bith, no tre fhìon-lios, ni mò dh’òlas sinn uisge nan tobar: imichidh sinn air rathad mòr an righ, cha (1) fhìonainean. (2) iomadh là. Eabh. [TD 267] AIREAMH. CAIB. XXI. tionndaidh sinn a dh’ionnsuidh na làimhe deise, no na làimhe clìthe, gus an d’théid sinn seach do chrìochan. 18 Agus thubhairt Edom ris, Cha d’théid thu seachad orm (1), an t-eagal leis a’ chlaidheamh gu’n d’thig mi mach a’t’ aghaidh. 19 Agus thubhairt clann Israeil ris, Imichidh sinn air an rathad mhòr: agus ma dh’òlas mi féin agus mo spréidh do d’ uisge, bheir mi luach air a shon: a mhàin gun tuille dheanamh, théid mi troimhe do m’ chois. 20 Agus thubhairt e, Cha d’théid thu troimhe. Agus thàinig Edom a mach ’na aghaidh le mòr shluagh, agus le làimh thréin. 21 Mar so dhiùlt Edom do Israel comas dol troimh a chrìch: uime sin thionndaidh Israel uaith. 22 Agus ghabh clann Israeil, eadhon an co’-chruinneach uile, an turus o Chades, agus thàinig iad gu sliabh Hor. 23 Agus labhair an Tighearna re Maois agus re h-Aaron ann an sliabh Hor, làimh re crìch fearainn Edoim, ag ràdh, 24 Cruinnichear Aaron a chum a shluaigh: oir cha d’théid e steach do’n fhearann a thug mise do chloinn Israeil, a chionn gu’n robh sibh ceannairceach ’an aghaidh m’fhocail-sa aig uisge Mheribah. 25 Gabh Aaron agus Eleasar a mhac, agus thoir suas iad gu sliabh Hor: 26 Agus buin eudach do Aaron, agus cuir air a mhac Eleasar e: agus cruinnichear Aaron a chum a mhuinntir, agus gheibh e bàs ’an sin. 27 Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna: agus chaidh iad suas gu sliabh Hor, ann an sealladh a’ cho’-chruinnich uile. 28 Agus bhuin Maois eudach do Aaron, agus chuir e air Eleasar a mhac e; agus fhuair Aaron bàs ’an sin air mullach an t-sléibh; agus thàinig Maois agus Eleasar a nuas o’n t-sliabh. 29 Agus an uair a chunnaic an co’-chruinneach uile gu’n d’fhuair Aaron bàs, rinn iad bròn air son Aaroin deich laithean ’ar fhichead, eadhon tigh Israeil uile. CAIB. XXI. AGUS an uair a chuala righ Arad an Canaanach, a bha chòmhnuidh ’san airde deas, gu’n d’thàinig Israel air slighe an luchd-brathaidh; ’an sin chog e ’n aghaidh Israeil, agus rinn e cuid diubh ’nan ciomaich (2). 2 Agus bhòidich Israel bòid (3) do’n Tighearna, agus thubhairt iad, Ma bheir thu da rìreadh an sluagh so thairis d’ar làimh, ’an sin sgriosaidh sinn gu tur am bailtean (4). 3 Agus dh’éisd an Tighearna re guth Israeil, agus thug e na Canaanaich suas doibh: agus sgrios iad gu tur iad agus am bailtean: agus thug iad Horma mar ainm air an àite. 4 Agus ghabh iad an turus o shliabh Hor, air slighe na mara ruaidhe, a dhol m’an cuairt (1) troimh m’ chrìch. (2) prìosanaich. (3) mòid. (4) an cathraichean. [TD 268] AIREAMH. CAIB. XXI. air tìr Edoim; agus bha anam an t-sluaigh fuidh mhi-mhisnich ’san t-slighe (1). 5 Agus labhair an sluagh ’an aghaidh Dhé, agus ’an aghaidh Mhaois, C’ar son a thug sibh a nìos sinn as an Eiphit, gu bàs fhaghail ’san fhàsach? oir cha ’n ’eil aran, no uisge ann, agus tha ar n-anam a’ gabhail gràin do’n aran eutrom so. 6 Agus chuir an Tighearna nathraichean loisgeach (2) am measg an t-sluaigh; agus lot (3) iad an sluagh, agus fhuair mòr-shluagh do Israel bàs. 7 Uime sin thàinig an sluagh a dh’ionnsuidh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, oir labhair sinn ’an aghaidh an Tighearna, agus a’t’ aghaidh-sa; guidh air an Tighearna gu’n d’thoir e air falbh uainn na nathraiche; agus ghuidh Maois air son an t-sluaigh. 8 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Dean dhuit féin nathair loisgeach, agus cuir i air crann: agus tarlaidh, gach neach a lotar, an uair a dh’amhairceas e oirre, gu mair e beo. 9 Agus rinn Maois nathair umha, agus chuir e air crann i: agus tharla, ma lot nathair duine sam bith, agus gu’n d’amhairc e air an nathair umha, gu’n d’fhan e beo. 10 Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus champaich iad ann an Obot. 11 Agus ghabh iad an turus o Obot, agus champaich iad aig Iie-abarim ’san fhàsach a ta fa chomhair Mhoaib, leth re éirigh na gréine. 12 Uaith sin dh’imich iad, agus champaich iad ann an gleann Shareid. 13 O sin dh’imich iad, agus champaich iad air an taobh eile; do Arnon, a ta ’san fhàsach a tha teachd a mach a crìochaibh nan Amorach: oir is e Arnon crìoch Mhoaib, eadar Moab agus na h-Amoraich. 14 Uime sin innsear ann an leabhar coganna an Tighearna, Ciod a rinn e (4) ’sa’ mhuir ruaidh, agus ann an sruthaibh Arnoin; 15 Agus aig ruidh nan sruth a tha dol sìos gu àite-còmhnuidh Ar, agus a’ luidhe air crìch Mhoaib. 16 Agus o sin chaidh iad gu Beer: is e sin an tobar m’an do labhair an Tighearna re Maois, Cruinnich an sluagh r’a chéile, agus bheir mise uisge dhoibh. 17 ’An sin chan (5) Israel an laoidh so, Sruth a nìos, o thobair, canaibhse dha: 18 Chladhaich na h-uachdarain an tobar, chladhaich uaislean an t-sluaigh e, le seòladh fhir tabhairt an lagha, le ’n lorgaibh. Agus o’n fhàsach chaidh iad gu Matana: 19 Agus o Mhatana gu Nahaliel: agus o Nahaliel gu Bamot: 20 Agus o Bhamot ’sa’ ghleann a ta ann an dùthaich Mhoaib, gu mullach Phisgaih, a ta ’g amharc re Iesimon. 21 Agus chuir Israel teachdairean gu Sihon righ nan Amorach, ag ràdh, 22 Leig dhomh dol tre d’ fhearann; cha tionndaidh sinn a dh’ionnsuidh raoin no dh’ionn- (1) air son na slighe. (2) nathraiche teine. (3) theum. (4) Vaheb. Eabh. (5) sheinn. [TD 269] AIREAMH. CAIB. XXII. suidh fìon-lios sam bith (1); cha’n òl sinn uisgeachan an tobair: rathad an righ gabhaidh sinn, gus an d’théid sinn seachad air do chrìch. 23 Agus cha leigeadh Sihon le Israel dol troimh a chrìch: agus chruinnich Sihon a shluagh uile r’a chéile, agus chaidh e mach ’an aghaidh Israeil do’n fhàsach: agus thàinig e gu Iahas, agus chog e ’n aghaidh Israeil. 24 Agus bhuail Israel e le faobhar a’ chlaidheimh, agus ghabh e sealbh air fhearann o Arnon gu Iaboc, eadhon gu cloinn Amoin: oir bha crìoch chloinn Amoin làidir. 25 Agus ghlac Israel na balite mòra (2) sin uile: agus ghabh Israel còmhnuidh ann am bailtibh mòra nan Amorach uile ann an Hesbon, agus ’na bhailtibh beaga uile: 26 Oir b’e Hesbon baile mòr Shihoin righ nan Amorach, a chog ’an aghaidh righ Mhoaib a bh’ann roimhe sin, agus a bhuin fhearann uile as a làimh, eadhon gu h-Arnon. 27 Uime sin their iadsan, a labhras ann an gnàth-fhoclaibh, Thigibh do Hesbon; biodh baile mòr Shihoin air a thogail agus air a dheasachadh: 28 Oir chaidh teine mach a Hesbon, lasair o bhaile mòr Shihoin; loisg e Ar Mhoaib, agus tighearnan ionadan arda Arnoin. 29 Mo thruaigh thu, a Mhoaib; thàinig sgrios ort, O shluagh Chemois: thug e mhic a chaidh as, agus a nigheanan ’am braighdeanas (3) do Shihon righ nan Amorach. 30 Thilg sinn saighdean orra; chaidh as do Hesbon eadhon gu Dibon, agus dh’fhàsaich sinn iad eadhon gu Nopha, a tha ruigheachd gu Medeba. 31 Mar so ghabh Israel còmhnuidh ann am fearann nan Amorach. 32 Agus chuir Maois daoine uaith a ghabhail beachd air Iaser, agus ghlac iad a bhailte, agus dh’fhògair iad a mach na h-Amoraich a bha ’n sin. 33 Agus phill iad agus chaidh iad suas air slighe Bhasain: agus chaidh Og righ Bhasain a mach ’nan aghaidh, e féin, agus a shluagh uile, gu cath aig Edrei. 34 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Na gabh eagal roimhe; oir do d’ làimh-sa thug mi thairis e féin, agus a shluagh uile, agus fhearann: agus ni thu air mar a rinn thu air Sihon righ nan Amorach, a bha chòmhnuidh aig Hesbon. 35 Mar sin bhuail iad e féin agus a mhic, agus a shluagh uile, gus nach d’fhàgadh aon beo aige: agus ghabh iad sealbh air fhearann. CAIB. XXII. AGUS chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus champaich iad ann an còmhnardaibh Mhoaib, air an taobh so do Iordan làimh re Iericho. 2 Agus chunnaic Balac mac Shipoir gach ni a rinn Israel air na h-Amoraich. 3 Agus bha eagal ro-mhòr air Moab roimh ’n t-sluagh, a (1) chum nam machairean no chum nam fìon-ghàradh. (2) cathraiche. (3) ann an daorsadh, ’nan ciomaich. [TD 270] AIREAMH. CAIB. XXII. chionn gu’n robh iad lìonmhor: agus bha Moab ann an teinn a thaobh chloinn Israeil. 4 Agus thubhairt Moab re seanairibh Mhidiain, A nis imlichidh a’ chuideachd (1) so suas gach ni a ta m’ar timchioll, mar a dh’imlicheas an damh suas feur na machrach. Agus bha Balac mac Shipoir ’na righ air na Moabaich ’san àm sin. 5 Chuir e teachdairean uime sin gu Balaam mac Bheoir, gu Petor, a ta làimh re abhainn dùthcha cloinne a shluaigh, g’a ghairm, ag ràdh, Feuch, tha sluagh air teachd a mach as an Eiphit: feuch, tha iad a’ còmhdachadh aghaidh (2) na talmhainn, agus tha iad ’nan còmhnuidh thall fa m’ chomhair. 6 Thig a nis uime sin, guidheam ort, mallaich dhomhs’ an sluagh so, oir tha iad tuille ’s cumhachdach air mo shon: theagamh gur urrainn mi am bualadh, agus gu’m fuadaich mi iad a mach as an dùthaich; oir tha fios agam gu’m bheil esan a bheannaicheas tusa, beannaichte, agus esan a mhallaicheas tu, mallaichte. 7 Agus dh’imich seanairean Mhoaib agus seanairean Mhidiain, le duais na druidheachd (3) ’nan làimh; agus thàinig iad gu Balaam, agus dh’innis iad dha briathra Bhalaic. 8 Agus thubhairt e riu, Fanaibh ’an so an nochd, agus bheir mise fios (4) duibh a rìs a réir mar a labhras an Tighearna rium: agus dh’fhan ceannardan Mhoaib maille re Balaam. 9 Agus thàinig an Tighearna gu Balaam, agus thubhairt e, Cò iad na daoine so maille riut? 10 Agus thubhairt Balaam re Dia, Chuir Balac mac Shipoir, righ Mhoaib, teachdaire a’m’ ionnsuidh, ag ràdh, 11 Feuch, tha sluagh air teachd a mach as an Eiphit, a ta còmhdachadh aghaidh na talmhainn: Thig a nis, mallaich dhomh iad; theagamh gur urrainn mi buaidh thoirt orra, agus gu’m fuadaich mi mach iad. 12 Agus thubhairt Dia re Balaam, Cha d’théid thu maille riu, cha mhallaich thu ’n sluagh; oir tha iad beannaichte. 13 Agus dh’éirich Balaam ’sa’ mhadainn, agus thubhairt e re ceannardaibh Bhalaic, Imichibh d’ar dùthaich féin; oir tha’n Tighearna diùltadh cead a thoirt domhsa dol maille ribh. 14 Agus dh’éirich ceannardan Mhoaib suas, agus chaidh iad a dh’ionnsuidh Bhalaic, agus thubhairt iad, Tha Balaam a diùltadh teachd maille ruinn. 15 Agus chuir Balac uaith a rìs ceannardan bu lìonmhoire (5), agus a b’urramaiche na iadsan. 16 Agus thàinig iad gu Balaam, agus thubhairt iad ris, Mar so tha Balac, mac Shipoir, ag ràdh, Na bacadh ni sam bith thu, guidheam ort, o theachd a’m’ ionnsuidh: 17 Oir ardaichidh mi thu gu h-inbhe ro-mhòir, agus ge b’e ni a their thu rium, ni mi e: Thig uime sin, guidheam ort, mallaich dhomh an sluagh so. 18 Agus fhreagair Balaam, (1) an co’-chruinneach. (2) sùil. Eabh. (3) fiosachd. (4) freagradh. (5) maithean bu liutha. [TD 271] AIREAMH. CAIB. XXII. agus thubhairt e re seirbhisich Bhalaic, Ge do bheireadh Balac dhomhsa làn a thighe dh’airgiod agus a dh’òr, cha ’n fheudainn dol thar focal an Tighearna mo Dhé, a dheanamh bheag no mhòr. 19 A nis uime sin, guidheam oirbh, fanaibhse mar an ceudna ’an so an nochd, a chum as gu’m bi fios agam ciod tuilleadh a their an Tighearna rium. 20 Agus thàinig Dia dh’ionnsuidh Bhalaaim ’san oidhche, agus thubhairt e ris, Ma thig (1) na daoine gu d’ ghairm, éirich suas, agus imich maille riu; gidheadh am focal a their mise riut, sin ni thu. 21 Agus dh’éirich Balaam suas ’sa’ mhadainn, agus chuir e dìollaid air asal, agus chaidh e maille re ceannardaibh Mhoaib. 22 Agus las corruich Dhé, a chionn gu’n d’imich e: agus sheas aingeal an Tighearna ’san t-slighe mar eas-caraid (2) ’na aghaidh: a nis bha e marcachd air asal féin, agus a dhà òglach maille ris. 23 Agus chunnaic an asal aingeal an Tighearna ’na sheasamh ’san t-slighe, agus a chlaidheamh tairngte ’na làimh: agus thionndaidh an asal a leth-taobh as an t-slighe, agus chaidh i air feadh an fhearainn: agus bhuail Balaam an asal g’a tionndadh dh’ionnsuidh na slighe. 24 Agus sheas aingeal an Tighearn ann an cos-cheum nam fìon-lios: bha balladh air an taobh so, agus balladh air an taobh ud. 25 Agus an uair a chunnaic an asal aingeal an Tighearna, theannaich si i féin ris a’ bhalla, agus bhrùth i cos Bhalaaim ris a’ bhalla: agus bhuail e rìs i. 26 Agus a rìs chaidh aingeal an Tighearna seachad, agus sheas e ann an àite cumhann, far nach robh slighe gu tionndadh aon chuid a chum na làimhe deise no clìthe. 27 Agus an uair a chunnaic an asal aingeal an Tighearna, luidh (3) i sìos fuidh Bhalaam: agus las corruich Bhalaaim, agus bhuail e ’n asal le batadh. 28 Agus dh’fhosgail an Tighearna beul na h-asail, agus thubhairt i re Balaam, Ciod a rinn mise ort, gu’n do bhuail thu mi na tri uairean so? 29 Agus thubhairt Balaam ris an asal, A chionn gu’n d’rinn thu fanaid orm; b’fhearr leam gu’m biodh claidheamh a’m’ làimh, oir a nis mharbhainn thu. 30 Agus thubhairt an asal re Balaam, Nach mise t’asal féin, air an do mharcaich thu riamh o bu leat mi, gus an là’n diugh? am b’àbhaist domh riamh a dheanamh mar so riut? Agus thubhairt e, Cha b’àbhaist. 31 ’An sin dh’fhosgail an Tighearna sùilean Bhalaaim, agus chunnaic e aingeal an Tighearna ’na sheasamh ’san t-slighe, agus a chlaidheamh tairngte ’na làimh: agus chrom e sìos a cheann, agus thuit e sìos air aghaidh. 32 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ris, C’ar son a bhuail thu t’asal na tri uairean so? Feuch, chaidh mi mach gu bhi m’ eas-caraid duit, a chionn gu’m bheil do shlighe fiar a’m’ fhianuis. (1) O thàinig. (2) gu cur ’na aghaidh. (3) thuit. [TD 272] AIREAMH. CAIB. XXIII. 33 Agus chunnaic an asal mi, a agus thionndaidh i uam na tri a uairean so: mur bitheadh i air tionndadh uam, gu cinnteach bha mi nis eadhon air do mharbhadh-sa, agus air a gleidheadh-sa beo. 34 Agus thubhairt Balaam re aingeal an Tighearna, Pheacaich mi; oir cha robh fios agam gu’n do sheas thu ’san t-slighe a’m’ aghaidh: a nis uime sin ma’s mi-thaitneach leat e (1), pillidh mi air m’ais a rìs. 35 Agus thubhairt aingeal an Tighearna re Balaam, Imich leis na daoinibh: ach a mhàin am focal a labhras mise riut, sin labhraidh tusa: mar sin chaidh Balaam le ceannardaibh Bhalaic. 36 Agus an uair a chuala Balac gu’n d’thàinig Balaam, chaidh e mach ’na choinneamh gu baile do Mhoab, a ta làimh re co’-chrìch Arnoin, a tha ’sa’ chrìch a’s faide mach. 37 Agus thubhairt Balac re Balaam, Nach do chuir mise gu cinnteach fios a t’ ionnsuidh g’ad ghairm? C’ar son nach d’thàinig thu m’ionnsuidh? Nach ’eil mise gu deimhin comasach air d’ardachadh gu h-inbhe. 38 Agus thubhairt Balaam re Balac, Feuch, tha mi air teachd a t’ ionnsuidh: am bheil agam a nis cumhachd idir ni sam bith a ràdh? Am focal a chuireas Dia a’m’ bheul, sin labhraidh mi. 39 Agus chaidh Balaam maille re Balac, agus thàinig iad gu Ciriat-husot. 40 Agus dh’ìobair Balac daimh agus caoraich, agus chuir e fios a dh’ionnsuidh Bhalaaim, agus a dh’ionnsuidh nan ceannard a bha maille ris. 41 Agus air an là maireach, ghabh Balac Balaam, agus thug e suas e gu àitibh arda Bhaail, a chum as gu faiceadh e o sin a’ chuid a b’iomallaiche do’n t-sluagh. CAIB. XXIII. AGUS thubhairt Balaam re Balac, Tog dhomh ’an so seachd altairean, agus ulluich dhomh ’an so seachd tairbh òga agus seachd reitheachan. 2 Agus rinn Balac mar a thubhairt Balaam; agus dh’ìobair Balac agus Balaam air gach altair tarbh òg agus reithe. 3 Agus thubhairt Balaam re Balac, Seas làimh re d’ìobairt-loisgte, agus imichidh mise; theagamh gu’n d’thig an Tighearn a’m’ choinneamh: agus ge b’e ni a nochdas (2) e dhomh, innsidh mi dhuit: Agus chaidh e gu h-ionad ard. 4 Agus choinnich Dia Balaam, agus thubhairt Balaam ris, Dheasaich mi seachd altairean, agus dh’ìobair mi air gach altair tarbh òg agus reithe. 5 Agus chuir an Tighearna focal ann am beul Bhalaaim, agus thubhairt e, Pill a dh’ionnsuidh Bhalaic, agus mar so labhraidh tu. 6 Agus phill e d’a ionnsuidh, agus feuch, sheas e làimh r’a ìobairt-loisgte, e féin, agus ceannardan Mhoaib uile. 7 Agus thog e suas a chosamhlachd (3), agus thubhairt e, Thug Balac righ Mhoaib mise a h-Aram, o bheanntaibh na (1) ma’s olc ann do shùilibh e. Eabh. (2) dh’fhoillsicheas. (3) parable. Sasg. [TD 273] AIREAMH. CAIB. XXIII. h-aird’ an ear, ag ràdh, Thig, mallaich dhomhsa Iacob, agus thig, thoir dùbhlan do Israel (1). 8 Cionnus a mhallaicheas mi esan nach do mhallaich Dia? agus cionnus a bheir mi dùbhlan dha-san do nach d’thug an Tighearna dùbhlan? 9 Oir o mhullach nan creag tha mi ’ga fhaicinn, agus o na sléibhtibh tha mi ’g amharc air: feuch gabhaidh an sluagh còmhnuidh air leth, agus cha mheasar iad am measg nan cinneach. 10 Cò dh’àirmheas duslach Iacoib, no àireamh na ceathramh cuid do Israel? Faigheam-sa bàs an ionracain (2), agus bitheadh mo chrìoch dheireannach cosmhuil r’a chrich-san! 11 Agus thubhairt Balac re Balaam, Ciod e so a rinn thu orm? a mhallachadh mo naimhdean thug mi thu, agus feuch, da rìreadh bheannaich thu iad (3). 12 Agus fhreagair agus thubhairt e, An ni sin a chuir an Tighearn a’m’ bheul, nach feum mis’ an aire thoirt a labhairt? 13 Agus thubhairt Balac ris, Thig, guidheam ort, maille rium gu h-àit’ eile, o’m faic thu iad: cha ’n fhaic thu ach a’ chuid a’s iomallaiche dhiubh, agus cha’n fhaic thu iad uile, agus mallaich dhomh as a sin iad. 14 Agus thug e gu fearann Shophim e, gu mullach Phisgaih (4), agus thog e seachd altairean, agus dh’ìobair e tarbh òg agus reithe air gach altair. 15 Agus thubhairt e re Balac, Seas ’an so làimh re d’ìobairt-loisgte, gus an coinnich mis’ an Tighearn ’an sud. 16 Agus choinnich an Tighearna Balaam, agus chuir e focal ’na bheul, agus thubhairt e, Imich a rìs a dh’ionnsuidh Bhalaic, agus abair mar so. 17 Agus an uair a thàinig e d’a ionnsuidh, feuch, sheas e làimh r’a ìobairt-loisgte, agus ceannardan Mhoaib maille ris. Agus thubhairt Balac ris, Ciod a labhair an Tighearna? 18 Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Eirich suas, a Bhalaic, agus cluinn; éisd riumsa, thus’ a mhic Shipoir. 19 Cha duine Dia, gu’n deanadh e breug, no mac duine, gu’n gabhadh e aithreachas: an dubhairt e, agus nach dean e? agus an do labhair e, agus nach coi’-lion se e? 20 Feuch, fhuair mi àithne beannachadh; agus bheannaich esan, agus cha ’n urrainn mise atharrachadh. 21 Cha d’thug e fa’near eu-ceart ann an Iacob, agus cha ’n fhac’ e cealg ann an Israel: tha ’n Tighearn a Dhia leis, agus caithream righ ’nam measg. 22 Thug Dia mach iad as an Eiphit; tha aige amhuil neart an aon-adharcaich (5). 23 Gu cinnteach cha ’n ’eil druidheachd ’an aghaidh Iacoib, ni mò ta fiosachd ’an aghaidh Israeil: a réir na h-aimsir so theirear mu Iacob, agus mu Israel, Ciod a dh’oibrich Dia? 24 Feuch, éiridh an sluagh suas mar leòmhan mòr, agus mar leòmhan òg togaidh e suas e féin: cha luidh e sìos gus an (1) càin Israel. (2) nan ionracan. Eabh. (3) le beannachadh bheannaich thu iad. Eabh. (4) beinne. (5) reem. Eabh. unicorn. Sasg. [TD 274] AIREAMH. CAIB. XXIV. ith e chreach, agus gus an òl e fuil nam marbh. 25 Agus thubhairt Balac re Balaam, Na dean aon chuid am mallachadh idir, no’m beannachadh idir. 26 Ach fhreagair Balaam agus thubhairt e re Balac, Nach d’innis mi dhuit, ag ràdh, Gach ni a labhras an Tighearna, sin is éigin domhs’ a dheanamh? 27 Agus thubhairt Balac re Balaam, Thig, guidheam ort, bheir mi thu gu h-ionad eile; theagamh gur toil le Dia (1) thu ’g am mallachadh dhomh as a sin. 28 Agus thug Balac Balaam gu mullach Pheoir, a tha ’g amharc re Iesimon. 29 Agus thubhairt Balaam re Balac, Tog dhomh ’an so seachd altairean, agus ulluich dhomh ’an so seachd tairbh òga, agus seachd reitheachan. 30 Agus rinn Balac mar a thubhairt Balaam, agus dh’ìobair e tarbh agus reithe air gach altair. CAIB. XXIV. AGUS an uair a chunnaic Balaam gu’m bu toil leis an Tighearn Israel a bheannachadh, cha deachaidh e mar air uairibh eile a dh’iarraidh manaidhean (2), ach chuir e aghaidh ris an fhàsach. 2 Agus thog Balaam suas a shùilean, agus chunnaic e Israel a’ fantuinn ’nam bùthaibh a réir an treubhan, agus thàinig spiorad Dhé air. 3 Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balaam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùile dùinte; 4 Thubhairt esan, a chuala briathra Dhé, a chunnaic taisbeanadh (3) an Uile-chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh (4): 5 Cia àluinn do bhùthan, O Iacob; do phàilliuna, O Israel! 6 Mar na gleannta tha iad sìnte mach, mar liosan (5) re taobh aibhne, mar chraobha fiodh-alois (6) a shuidhich an Tighearna, mar chraobha seudair làimh ris na h-uisgeachaibh. 7 Sruthaidh an t-uisge mach as a shoithichibh, agus bithidh a shliochd ann am mòran uisgeacha, agus bithidh a righ ni’s airde na Agag, agus ardaichear a rìoghachd. 8 Thug Dia mach as an Eiphit e, tha aige amhuil neart an aon-adharcaich: ithidh e suas na cinnich a naimhdean, agus brisidh e ’n cnàmhan, agus le shaighdibh tro’-lotaidh se iad. 9 Chrùb e, luidh e sìos mar leòmhan, agus mar leòmhan mòr; cò dhùisgeas suas e? Is beannaichte gach neach a bheannaicheas thusa, agus is mallaichte gach neach a mhallaicheas thu. 10 Agus las corruich Bhalaic ’an aghaidh Bhalaaim, agus bhuail e bhasan air a chéile: agus thubhairt Balac re Balaam, A mhallachadh mo naimhdean ghairm mi thu, agus feuch, da rìreadh bheannaich thu iad na tri uairean so. 11 Uime sin teich a nise do d’ àite féin: shaoil mi t’ardach- (1) gu’m bi e ceart ann an sùilibh Dhé. Eabh. (2) chum fiosachd, druidheachd. (3) sealladh. (4) a shùilean dùinte. (5) ghàraichean. (6) phàilliuna. [TD 275] AIREAMH. CAIB. XXV. adh gu h-inbhe mhòir, ach feuch, chum an Tighearn air t’ais thu o inbhe. 12 Agus thubhairt Balaam re Balac, Nach do labhair mi eadhon re d’ theachdairibh a chuir thu a’m’ ionnsuidh, ag ràdh, 13 Ge do bheireadh Balac dhomhsa làn a thighe dh’airgiod agus a dh’òr, cha b’urrainn mi dol thar àithne an Tighearna, a dheanamh maith no uilc o m’inntinn féin; ach ge b’e ni their an Tighearna, sin labhraidh mise? 14 Agus a nis feuch, tha mi dol a dh’ionnsuidh mo dhaoine féin: thig uime sin, bheir mi rabhadh (1) dhuit, ciod a ni ’n sluagh so air do shluagh-sa anns na laithibh deireannach. 15 Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thubhairt Balaam mac Bheoir, agus thubhairt an duine aig an robh a shùilean dùinte: 16 Thubhairt esan a chuala briathra Dhé, agus d’an àithne eòlas an Ti ’s ro-airde, a chunnaic taisbeanadh an Uile-chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh: 17 Chi mi e, ach ni h-ann a nis: amhaircidh mi air, ach ni h-ann am fagus: thig reul (2) a mach a Iacob, agus éiridh slat rìoghail a h-Israel, agus buailidh i oisinnean Mhoaib, agus cuiridh i as do chloinn Shet uile. 18 Agus bithidh Edom ’na sheilbh, bithidh Seir mar an ceudna ’na sheilbh aig a naimhdibh, agus ni Israel gaisge. 19 A mach a Iacob thig esan a bhios ’na uachdaran, agus sgriosaidh e ’n ti a mhaireas do’n bhaile mhòr. 20 Agus an uair a dh’amhairc e air Amalec, thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Tùs nan cinneach Amalec, ach is e dheire bhi air a sgrios gu sìorruidh. 21 Agus dh’amhairc e air na Cenich: agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Is làidir t’àite-còmhnuidh, agus tha thu cur do nid ann an carraig. 22 Gidheadh, sàsaichear na Cenich gus an d’thoir Asur leis thu ann am braighdeanas. 23 Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Mo thruaigh! cò bhios beo ’nuair a ni Dia so? 24 Agus thig longan o iomall (3) Chittim, agus ni iad olc air Asur, agus ni iad olc air Eber, agus sgriosar esan mar an ceudna gu bràth. 25 Agus dh’éirich Balaam suas, agus dh’fhalbh e, agus phill e d’a àite féin: agus dh’fhalbh Balac mar an ceudna air a shlighe féin. CAIB. XXV. AGUS dh’fhan Israel ann an Sitim, agus thòisich an sluagh air strìopachas a dheanamh le nigheanaibh Mhoaib. 2 Agus ghairm iad an sluagh gu ìobairtibh an dée: agus dh’ith an sluagh, agus chrom iad sìos d’an déibh. 3 Agus cheangail Israeil e féin re Baal-peor: agus las corruich an Tighearn ’an aghaidh Israeil. (1) fios, sanas. (2) reult. (3) o làimh. Eabh. [TD 276] AIREAMH. CAIB. XXVI. 4 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Glac cinn-fheadhna an t-sluaigh uile, agus croch suas iad ’an làthair an Tighearna fa chomhair na gréine, chum as gu’m pill corruich gharg an Tighearn o Israel. 5 Agus thubhairt Maois re breitheamhnaibh Israeil, Marbhaibh gach aon agaibh a dhaoine, a cheangail iad féin re Baal-peor. 6 Agus feuch, thàinig fear do chloinn Israeil, agus thug e chum a bhràithre Ban-mhidianach ann an sealladh Mhaois, agus ann an sealladh co’-chruinnich chloinn Israeil uile, agus iad a’ gul aig dorus pàilliuin a’ choi’-thionail. 7 Agus an uair a chunnaic Phinehas mac Eleasair, mhic Aaroin an t-sagairt e, dh’éirich e suas o mheasg a’ cho’-chruinnich, agus ghabh e sleagh ’na làimh; 8 Agus chaidh e ’n déigh an duine do Israel a steach do’n bhùth, agus thro’-lot e iad (1) le chéile, an duine do Israel, agus a’ bhean tre broinn: mar sin choisgeadh a’ phlàigh o chloinn Israeil. 9 Agus bhàsaich ’sa’ phlàigh, ceithir mìle thar fhichead. 10 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 11 Phill Phinehas mac Eleasair, mhic Aaroin an t-sagairt, mo chorruich air falbh o chloinn Israeil, an uair a bha e eudmhor (2) as mo leth ’nam measg, air chor as nach do chuir mi as do chloinn Israeil a’m’ eud. 12 Air an aobhar sin abair, Feuch, bheir mise dha mo choi’-cheangal (3) sìth. 13 Agus bithidh e aige, agus aig a shliochd ’na dhéigh, eadhon coi’-cheangal sagartachd shìorruidh; a chionn gu’n robh e eudmhor as leth a Dhé, agus gu’n d’rinn e réite air son chloinn Israeil. 14 A nis b’e ainm an Israelich a mharbhadh, eadhon a mharbhadh maille ris a’ Bhan-mhidianaich, Simri mac Shalu, ceannard prìomh (4) thighe am measg nan Simeonach. 15 Agus b’e ainm na Ban-mhidianaich a mharbhadh, Cosbi nighean Shur; bu cheann cinnich e, agus do phrìomh thigh ann am Midian. 16 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 17 Buin gu naimhdeil ris (5) na Midianaich, agus buailibh iad: 18 Oir tha iadsan a’ buntuinn gu naimhdeil ribhse le’n as-innleachdaibh, leis an do mheall iad sibh, ann an aobhar (6) Pheoir agus ann an aobhar Chosbi, nighinn ceannaird do Mhidian am peathar, a mharbhadh ann an là na plàigh ann an aobhar Pheoir (7). CAIB. XXVI. AGUS tharladh ’an déigh na plàigh, gu’n do labhair an Tighearna re Maois, agus re Eleasar mac Aaroin an t-sagairt, ag ràdh, 2 Gabhaibh àireamh co’-chruinnich chloinn Israeil uile, o fhichead dh’aois agus os a chionn, tre thigh an aithreacha, iadsan uile a’s urrainn (1) shàth e trìd iad. (2) teas-ghràdhach. (3) chùmhnant. (4) ceud, ard. (5) Teannaich. Eabh. (6) cùis. (7) air son Pheoir. [TD 277] AIREAMH. CAIB. XXVI. dol a mach gu cogadh ann an Israel. 3 Agus labhair Maois agus Eleasar an sagart riu ann an còmhnardaibh (1) Mhoaib làimh re Iordan am fagus do Iericho, ag ràdh, 4 Gabhaibh àireamh an t-sluaigh, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a chionn; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do chloinn Israeil, a chaidh a mach a talamh na h-Eiphit. 5 Reuben am mac bu shine aig Israel: clann Reubein; Hanoch, o’m bheil teaghlach nan Hanochach: o Phalu, teaghlach nam Paluthach: 6 O Hesron, teaghlach nan Hesronach: o Charmi, teaghlach nan Carmach. 7 Is iad sin teaghlaichean nan Reubeneach: agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad dà fhichead agus tri mìle agus seachd ceud agus deich ’ar fhichead. 8 Agus mic Phalu, Eliab. 9 Agus mic Eliaib; Nemuel, agus Datan, agus Abiram. Is e so an Datan agus an t-Abiram a bha ainmeil ’sa’ cho’-chruinneach, a rinn strì’ ’an aghaidh Mhaois agus ’an aghaidh Aaroin ann an cuideachd Choraih, ’nuair a rinn iad strì’ ’an aghaidh an Tighearna. 10 Agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas iad maille re Corah, ’nuair a bhàsaich a’ chuideachd sin, an uair a loisg an teine suas dà cheud agus leth cheud fear: agus rinneadh iad ’nan comhara (2). 11 Gidheadh cha do bhàsaich clann Choraih. 12 Mic Shimeoin a réir an teaghlaichean: o Nemuel, teaghlach nan Nemueleach: o Iamin, teaghlach nan Iamineach: o Iachin, teaghlach nan Iachineach: 13 O Sherah, teaghlach nan Sarhach: o Shaul, teaghlach nan Saulach. 14 Is iad sin teaghlaichean nan Simeonach, fichead agus dà mhìle agus dà cheud. 15 Clann Ghad a réir an teaghlaichean: o Shephon, teaghlach nan Sephonach: o Hagi, teaghlach nan Hagitheach: o Shuni, teaghlach nan Sunitheach: 16 O Osni, teaghlach nan Osnitheach: o Eri, teaghlach nan Eritheach: 17 O Arod, teaghlach nan Arodach: o Areli, teaghlach nan Arelitheach. 18 Is iad sin teaghlaiche chloinn Ghad, a réir na dh’àirmheadh dhiubh, dà fhichead mìle agus cùig ceud. 19 B’ iad mic Iudaih Er agus Onan: agus fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanaain. 20 Agus b’iad mic Iudaih a réir an teaghlaichean, o Shelah, teaghlach nan Selanach: o Pharets, teaghlach nam Pharetsach: o Sherah, teaghlach nan Sarhach: 21 Agus b’iad mic Pharets; o Hesron, teaghlach nan Hesronach: o Hamul, teaghlach nan Hamulach. 22 Is iad sin teaghlaichean (1) réileanaibh. (2) ball-sampuill. [TD 278] AIREAMH. CAIB. XXVI. Iudaih a réir na dh’àirmheadh dhiubh, tri fichead agus sè mìle deug agus cùig ceud. 23 Do mhic Isachair a réir an teaghlaichean: o Tholah, teaghlach an Tolahach: o Phua, teaghlach nam Punach: 24 O Iasub, teaghlach nan Iasubach: o Shimron, teaghlach nan Simronach. 25 Is iad sin teaghlaichean Isachair a réir na chaidh àireamh dhiubh, tri fichead agus ceithir mìle agus tri cheud. 26 Do mhic Shebuluin a réir an teaghlaichean: o Shered, teaghlach nan Sardach: o Elon, teaghlach nan Elonach: o Iahleel, teaghlach nan Iahleelach. 27 Is iad sin teaghlaichean nan Sebulunach, a réir na chaidh àireamh dhiubh, tri fichead mìle agus cùig ceud. 28 B’iad mic Ioseiph a réir an teaghlaiche, Manaseh agus Ephraim. 29 Do mhic Mhanaseh; o Mhachir, teaghlach nam Machireach: agus ghin Machir Gilead: o Ghilead thàinig teaghlach nan Gileadach. 30 Is iad so mic Ghilead: o Ieser, teaghlach nan Iesereach: o Helec, teaghlach nan Heleceach: 31 Agus o Asriel, teaghlach nan Asrieleach: agus o Shechem, teaghlach nan Sechemeach: 32 Agus o Shemida, teaghlach nan Semideach; agus o Hepher, teaghlach nan Hephereach; 33 Agus cha robh aig Selophehad mac Shepheir mic sam bith, ach nigheanan: agus b’iad ainmean nigheana Shelophehaid, Mahla, agus Noha, Hoglah, Milcah, agus Tirsah. 34 Is iad sin teaghlaichean Mhanaseh, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, leth-cheud agus dà mhìle agus seachd ceud. 35 Is iad so mic Ephraim, a réir an teaghlaichean: o Shutelah, teaghlach nan Suteleach: o Bhecher, teaghlach nan Bechereach: o Thahan, teaghlach nan Tahanach. 36 Agus is iad so mic Shutelah: o Eran, teaghlach nan Eranach. 37 Is iad sin teaghlaichean mhac Ephraim, a réir na chaidh àireamh dhiubh, dà mhìle dheug ’ar fhichead agus cùig ceud. Is iad sin mic Ioseiph a réir an teaghlaichean. 38 Mic Bheniamin a réir an teaghlaichean: o Bhelah, teaghlach nam Belahach: o Asbel, teaghlach nan Asbeleach: o Ahiram, teaghlach nan Ahiramach. 39 O Shupham, teaghlach nan Suphamach: o Hupham, teaghlach nan Huphamach. 40 Agus b’iad mic Bhelah Ard agus Naaman: o Ard, teaghlach nan Ardach; agus o Naaman, teaghlach nan Naamach. 41 Is iad sin mic Bheniamin a réir an teaghlaichean: agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, b’iad dà fhichead agus cuig mìle agus sè ceud. 42 Is iad so mic Dhan à réir an teaghlaichean: o Shuham, teaghlach nan Suhamach. Is iad so teaghlaichean Dhan a réir an teaghlaichean. 43 B’ iad teaghlaichean nan Suhamach uile a réir na chaidh àireamh dhiubh, tri fichead a- [TD 279] AIREAMH. CAIB. XXVI. gus ceithir mìle agus ceithir cheud. 44 Do chloinn Aseir a réir an teaghlaichean: o Iimna, teaghlach nan Iimnathach: o Iesui, teaghlach nan Iesuitheach: o Bheriah, teaghlach nam Beritheach. 45 Do mhic Bheriah: o Heber, teaghlach nan Hebereach: o Mhalchiel, teaghlach nam Malchieleach. 46 Agus b’e ainm nighinn Aseir, Sarah. 47 Is iad sin teaghlaichean mhac Aseir, a réir na chaidh àireamh dhiubh; leth-cheud agus tri mìle agus ceithir cheud. 48 Do mhic Naphtali a réir an teaghlaichean: o Iahseel, teaghlach nan Iahseeleach: o Ghuni, teaghlach nan Gunitheach: 49 O Ieser, teaghlach nan Iesereach: o Shillem, teaghlach nan Sillemeach. 50 Is iad sin teaghlaichean Naphtali a réir an teaghlaichean: agus iadsan a dh’àirmheadh dhiubh, b’iad dà fhichead agus cùig mìle agus ceithir cheud. 51 B’iad sin iadsan a dh’àirmheadh do chloinn Israeil, sè ceud mìle agus mìle seachd ceud agus deich ’ar fhichead. 52 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 53 Dhoibh sin roinnear am fearann mar oighreachd, a réir àireimh nan ainmeanna. 54 Do mhòran bheir thu ni’s mò dh’oighreachd, agus do bheagan bheir thu ni’s lugha dh’oighreachd: bheirear oighreachd féin do gach aon, a réir an àireimh. 55 Gidheadh, roinnear am fearann le crannchur: a réir ainmeanna threubhan an aithreacha gheibh iad an oighreachd. 56 A réir a’ chranchuir roinnear a shealbh eadar mhòran agus bheagan. 57 Agus is iad so iadsan a dh’àirmheadh do na Lebhithich, a réir an teaghlaichean; o Gherson, teaghlach nan Gersonach: o Chohat, teaghlach nan Cohatach: o Mherari, teaghlach nam Meraritheach. 58 Is iad so teaghlaichean nan Lebhitheach: teaghlach nan Libnitheach, teaghlach nan Hebronach, teaghlach nam Mahlach, teaghlach nam Muisitheach, teaghlach nan Corahach: agus ghin Cohat Amram. 59 Agus b’e ainm mnà Amraim Iochebed, nighean Lebhi, a rug a màthair do Lebhi ’san Eiphit: agus rug i do Amram, Aaron, agus Maois, agus Miriam am piuthar. 60 Agus do Aaron rugadh Nadab agus Abihu, Eleasar agus Itamar. 61 Agus fhuair Nadab agus Abihu bàs, an uair a thug iad suas teine coimheach ’an lathair an Tighearna. 62 Agus b’ iadsan a chaidh àireamh dhiubh, fichead agus tri mìle, firionnaich uile o mhìos a dh’aois agus os a chionn; oir cha d’àirmheadh iad am measg chloinn Israeil, a chionn nach d’thugadh oighreachd dhoibh am measg chloinn Israeil. 63 Is iad sin iadsan a chaidh, àireamh le Maois agus Eleasar an sagart, a dh’àireamh clann Israeil ann an còmhnardaibh [TD 280] AIREAMH. CAIB. XXVII. Mhoaib, làimh re Iordan am fagus do Iericho. 64 Ach ’nam measg sin cha robh aon duine dhiubhsan a dh’àireamh Maois agus Aaron an sagart, an uair a dh’àireamh iad clann Israeil ann am fàsach Shinai: 65 Oir thubhairt an Tighearn umpasan, Gheibh iad gu deimhin bàs anns an fhàsach. Agus cha d’fhàgadh duine dhiubh, saor o Chaleb mac Iephunneh, agus Iosua mac Nun. CAIB. XXVII. ’AN sin thàinig nigheana Shelophehaid mhic Hepheir, mhic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, do theaghlaichibh Mhanaseh mhic Ioseiph: agus is iad so ainmean a nigheana, Mahlah, Noah, agus Hoglah, agus Milcah, agus Tirsah. 2 Agus sheas iad ’an làthair Mhaois, agus ’an làthair Eleasair an t-sagairt, agus ’an làthair nan ceannard, agus a’ cho’-chruinnich uile làimh re dorus pàilliuin a’ choi’-thionail, ag ràdh, 3 Dh’eug ar n-athair anns an fhàsach, agus cha robh e ann an cuideachd na muinntir a chruinnich iad féin r’a chéile ’an aghaidh an Tighearn ann an cuideachd Choraih, ach dh’eug e ’na pheacadh féin; agus cha robh mic sam bith aige. 4 C’ar son a chaillear ainm ar n-athar o mheasg a theaghlaich, a chionn nach ’eil mac aige? Thugaibh dhuinn uime sin sealbh am measg bhràithrean ar n-athar. 5 Agus thug Maois an cùis ’an làthair an Tighearna. 6 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 7 Labhair nigheana Shelophehaid gu ceart: bheir thu dhoibh gu cinnteach sealbh oighreachd am measg bhràithrean an athar; agus bheir thu fa’near gu’n d’thig oighreachd an athar d’an ionnsuidh. 8 Agus labhraidh tu re cloinn Israeil, ag ràdh, Ma gheibh duine bàs, agus gun mhac aige, ’an sin bheir sibh fa’near gu’n d’thig oighreachd-san chum a nighinn. 9 Agus mur bi nighean aige, ’an sin bheir sibh oighreachd d’a bhràithribh. 10 Agus mur bi bràithrean aige, ’an sin bheir sibh oighreachd do bhràithribh athar. 11 Agus mur bi bràithrean aig athair, ’an sin bheir sibh oighreachd d’a fhear-dàimh (1) a’s faigse dha d’a theaghlach, agus sealbhaichidh e i: agus bithidh e do chloinn Israeil ’na reachd (2) breitheanais, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 12 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Imich suas do’n t-sliabh so Abarim, agus gabh sealladh do’n fhearann a thug mise do chloinn Israeil. 13 Agus an uair a chi thu e, cruinnichear thusa mar an ceudna chum do dhaoine, mar a chruinnicheadh Aaron do bhràthair: 14 A chionn gu’n d’rinn sibh ceannairc ’an aghaidh m’àithne-sa ann am fàsach Shin, ann an co’-stri’ a’ cho’-chruinnich, agus nach do naomhaich sibh mi (3) aig an uisge, ann an sealladh an sùl: (1) d’a fheoil. Eabh. (2) lagh, ordugh. (3) chum mo naomhachadh. [TD 281] AIREAMH. CAIB. XXVIII. is e sin uisge Mheribah ann an Cades ann am fàsach Shin. 15 Agus labhair Maois ris an Tighearn, ag ràdh, 16 Cuireadh an Tighearna (1), Dia spiorad na h-uile fheòla, duine os cionn a’ cho’-chruinnich, 17 A théid a mach rompa, agus a thig a steach rompa, agus a threòraicheas a muigh iad, agus a bheir a stigh iad; a chum nach bi co’-chruinneach an Tighearna mar chaoraich aig nach ’eil buachaille. 18 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Gabh a t’ionnsuidh Iosua mac Nun, duine anns a’ bheil an spiorad, agus cuir do làmh air. 19 Agus cuir e ’an làthair Eleasair an t-sagairt, agus ’an làthair a’ cho’-chruinnich uile; agus thoir àithne dha ’nam fianuis. 20 Agus cuiridh tu cuid do t’urram air, a chum as gu’m bi co’-chruinneach chloinn Israeil uile ùmhal dha (2). 21 Agus seasaidh e ’n làthair Eleasair an t-sagairt, a dh’iarras comhairl’ air a shon, a réir breitheanais na h-Urim ’an làthair an Tighearna: air fhocal-san théid iad a mach, agus air fhocal thig iad a steach, e féin agus clann Israeil uile maille ris, eadhon an co’-chruinneach uile. 22 Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna dha; agus ghabh e Iosua agus chuir e ’n làthair Eleasair an t-sagairt e, agus ’an làthair a’ cho’-chruinnich uile. 23 Agus chuir e a làmhan air, agus thug e àithne dha, mar a labhair an Tighearna le làimh Mhaois. CAIB. XXVIII. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Aithn do chloinn Israeil, agus abair riu, Mo thabhartas, agus m’aran air son m’ìobairtean a bheirear suas le teine chum fàile cùbhraidh dhomh, bheir sibh an aire gu’n d’thoir sibh seachad dhomhsa ’nan àm iomchuidh féin. 3 Agus their thu riu, Is e so an tabhartas a bheirear suas le teine, a bheir sibh seachad do’n Tighearna; dà uan do’n cheud bhliadhna gun ghaoid gach là, chum ìobairt-loisgte ghnàthaichte. 4 Aon uan bheir thu seachad ’sa’ mhadainn, agus an t-uan eile bheir thu seachad air feasgar; 5 Agus an deicheamh earrann do ephah phlùir mar thabhartas-bìdh, measgta leis a’ cheathramh earrann do hin a dh’ola bhrùite. 6 Is ìobairt-loisgte ghnàthaichte a t’ann, a dh’orduicheadh ann an sliabh Shinai chum fàile cùbhraidh, ìobairt a bheirear suas le teine do’n Tighearna. 7 Agus is i a tabhartas-dibhe an ceathramh earrann do hin air son aon uain: anns an ionad naomha bheir thu fa’near fìon làidir a dhòrtadh do’n Tighearna mar thabhartas-dibhe. 8 Agus an t-uan eile bheir thu seachad air feasgar: mar thabhartas-bìdh na maidne, agus mar a tabhartas-dibhe bheir (1) Iehobhah. Eabh. (2) cuiridh tu do t’ onoir air, chum gu’n éisd co’-chruinneach chloinn Israeil uile ris. [TD 282] AIREAMH. CAIB. XXVIII. thu seachad e, mar ìobairt a bheirear suas le teine dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna. 9 Agus air là na sàbaid, dà uan do’n cheud bhliadhna gun ghaoid, agus dà dheicheamh earrann phlùir measgta le h-ola mar thabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 10 Is e so ìobairt-loisgte gach sàbaid, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-dibhe. 11 Agus ann an toiseach bhur mìos bheir sibh seachad chum ìobairt-loisgte do’n Tighearna, dà tharbh òg, agus aon reithe, seachd uain do’n cheud bhliadhna gun ghaoid, 12 Agus tri deicheamh earranna phlùir measgta le h-ola mar thabhartas-bìdh air son gach tairbh, agus dà dheicheamh earrann phlùir measgta le h-ola mar thabhartas-bìdh air son gach reithe. 13 Agus aon deicheamh earrann phlùir air leth measgta le h-ola mar thabhartas-bìdh air son gach uain, chum ìobairt-loisgte deagh bholaidh, ìobairt a bheirear suas le teine do’n Tighearna. 14 Agus mar an tabhartais-dibhe bithidh leth hin do fhìon air son tairbh, agus an treas earrann do hin air son reithe, agus an ceathramh earrann do hin air son uain: is i so ìobairt-loisgte gach mìos air feadh mhìosa na bliadhna. 15 Agus ìobrar aon mheann do na gabhraibh mar ìobairt-pheacaidh do’n Tighearna, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-dibhe. 16 Agus air a’ cheathramh là deug do’n cheud mhìos tha càisg (2) an Tighearna. 17 Agus air a’ chùigeadh là deug do’n mhìos so tha ’n fhéisd: seachd laithean ithear aran neo-ghoirtichte. 18 Air a’ cheud là bithidh co’-ghairm naomha; obair thràilleil (3) sam bith cha dean sibh air. 19 Ach bheir sibh seachad a chum ìobairt bheirear suas le teine, mar ìobairt-loisgte do’n Tighearna, dà tharbh òg, agus aon reithe, agus seachd uain do’n cheud bhliadhna: gun ghaoid bithidh iad duibh. 20 Agus bithidh an tabhartas-bìdh do phlùr measgta le h-ola: tri deicheamh earranna bheir sibh seachad air son tairbh, agus dà dheicheamh earrann air son reithe. 21 Deicheamh earrann air leth bheir thu seachad air son gach uain, air feadh nan seachd uan: 22 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt-pheacaidh, a dheanamh réite air bhur son. 23 Iobraidh sibh iad sin a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ’sa’ mhadainn, a tha mar ìobairt-loisgte ghnàthaichte. 24 Mar so bheir sibh seachad (4) gach là air feadh nan seachd laithean, biadh na h-ìobairt a bheirear suas le teine, chum fàile cùbhraidh do’n Tighearna: bheirear seachad e thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas dibhe. 25 Agus air an t-seachdamh là bithidh co’-ghairm naomha agaibh: obair thràilleil sam bith cha dean sibh air. 26 Mar an ceudna air là nan (1) deoch-ofrail. (2) gabhail-thairis. (3) shaoithreachail. (4) ni sibh. Eabh. [TD 283] AIREAMH. CAIB. XXIX. ceud thoradh, ’nuair a bheir sibh seachad tabhartas-bìdh nuadh (1) do’n Tighearna, aig ceann bhur seachduinean, bithidh co’-ghairm naomh agaibh: obair thràilleil sam bith cha dean sibh. 27 Ach bheir sibh seachad mar ìobairt-loisgte, chum fàile cùbhraidh do’n Tighearna, dà tharbh òg, aon reithe, seachd uain do’n cheud bhliadhna. 28 Agus an tabhartas-bìdh do phlùr measgta le h-ola, tri deicheamh earrannan air son gach tairbh, dà dheicheamh earrann air son gach reithe, 29 Deicheamh earrann air leth air son gach uain, air feadh nan seachd uan: 30 Agus aon mheann (2) do na gabhraibh, a dheanamh réite air bhur son. 31 Iobraidh sibh iad a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh (gun ghaoid bithidh iad duibh) agus an tabhartasan-dibhe. CAIB. XXIX. AGUS anns an t-seachdamh mìos, air a’ cheud là do’n mhìos, bithidh co’-ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dean sibh: is là shéideadh nan trompaid dhuibh e. 2 Agus bheir sibh seachad mar ìobairt-loisgte chum fàile cùbhraidh do’n Tighearna, aon tarbh òg, aon reithe, agus seachd uain do’n cheud bhliadhna gun ghaoid: 3 Agus bithidh an tabhartas-bìdh do phlùr measgta le h-ola, tri deicheamh earrannan air son tairbh, agus dà dheicheamh earrann air son reithe, 4 Agus aon deicheamh earrann air son gach uain, air feadh nan seachd uan: 5 Agus aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh, a dheanamh réite air bhur son; 6 A thuilleadh air ìobairt-loisgte a’ mhìos, agus a tabhartas-bìdh, agus an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, a réir an gnàtha, chum fàile cùbhraidh, ìobairt a bheirear suas le teine do’n Tighearna. 7 Agus bithidh agaibh air an deicheamh là do’n t-seachdamh mìos so co’-ghairm naomha: agus cràdhaidh sibh bhur n-anman: obair sam bith cha dean sibh air. 8 Ach bheir sibh seachad chum ìobairt-loisgte do’n Tighearna dh’fhàile cùbhraidh, aon tarbh òg, aon reithe, agus seachd uain do’n cheud bhliadhna; gun ghaoid bithidh iad duibh. 9 Agus bithidh an tabhartas-bìdh do phlùr measgta le h-ola, tri deicheamh earrannan air son gach tairbh, agus dà dheicheamh earrann air son gach reithe; 10 Deicheamh earrann air leth air son gach uain, air feadh nan seachd uan: 11 Aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air ìobairt-pheacaidh na réite, agus an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan dibhe. 12 Agus air a chùigeadh là deug do’n t-seachdamh mìos, bithidh co’-ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith (1) nomha. (2) bhoc òg. [TD 284] AIREAMH. CAIB. XXIX. cha dean sibh; agus gleidhidh sibh féisd do’n Tighearna seachd laithean. 13 Agus bheir sibh seachad chum ìobairt-loisgte, ìobairt a bheirear suas le teine, dh’fhàile cùbhraidh (3) do’n Tighearna, tri tairbh dheug òga, dà reithe, agus ceithir uain deug do’n cheud bhliadhna; gun ghaoid bithidh iad. 14 Agus bithidh an tabhartas-bìdh do phlùr measgta le h-ola, tri deicheamh earrannan air son gach tairbh do na tri tairbh dheug, dà dheicheamh earrann air son gach reithe do’n dà reithe, 15 Agus deicheamh earrann air leth air son gach uain do na ceithir uain deug: 16 Agus aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 17 Agus air an dara là bheir sibh seachad dà tharbh dheug òg, dà reithe, ceithir uain deug do’n cheud bhliadhna gun ghaoid: 18 Agus bithidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe air son nan tarbh, air son nan reitheachan, agus air son nan uan, a réir an aireimh, a réir a’ ghnàtha: 19 Agus aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe. 20 Agus air an treas là aon tarbh deug, dà reithe, ceithir uain deug do’n cheud bhliadhna gun ghaoid: 21 Agus bithidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, air son nan tarbh, air son nan reitheachan, agus air son nan uan, a réir an àireimh, a réir a’ ghnàtha: 22 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt-pheacaidh a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 23 Agus air a’ cheathramh là deich tairbh, dà reithe, agus ceithir uain deug do’n cheud bhliadhna gun ghaoid: 24 Bithidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, air son nan tarbh, air son nan reitheachan, agus air son nan uan, a réir an àireimh, a réir a’ ghnàtha: 25 Agus aon mheann do na gabhraibh chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 26 Agus air a’ chùigeadh là naoi tairbh, dà reithe, agus ceithir uain deug do’n cheud bhliadhna gun ghaoid: 27 Agus bithidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, air son nan tarbh, air son nan reitheachan, agus air son nan uan, a réir an àireimh, a réir a’ ghnàtha: 28 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 29 Agus air an t-seathadh là ochd tairbh, dà reithe, agus ceithir uain deug do’n cheud bhliadhna gun ghaoid: 30 Agus bithidh an tabhartas-bìdh agus an tabhartasan-dibhe (1) cùmhraidh. [TD 285] AIREAMH. CAIB. XXX. air son nan tarbh, air son nan reitheachan, agus air son nan uan, a réir an àireimh, a réir a’ ghnàtha: 31 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 32 Agus air an t-seachdamh là seachd tairbh, dà reithe, agus ceithir uain deug do’n cheud bhliadhna, gun ghaoid: 33 Agus bithidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe air son nan tarbh, air son nan reitheachan, agus air son nan uan, a réir an àireimh, a réir a’ ghnàtha: 34 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 35 Agus air an ochdamh là bithidh ard choi’-thional agaibh: obair thràilleil sam bith cha dean sibh air. 36 Ach bheir sibh seachad chum ìobairt-loisgte, ìobairt a bheirear suas le teine dh’fhàile cùbhraidh do’n Tighearna, aon tarbh, aon reithe, seachd uain do’n cheud bhliadhna gun ghaoid: 37 Bithidh an tabhartas-bìdh agus an tabhartasan-dibhe, air son an tairbh, air son an reithe, agus air son nan uan, a réir an àireimh, a réir a’ ghnàtha: 38 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 39 Na nithe sin ni sibh do’n Tighearna ’nar féisdibh suidhichte (1), thuilleadh air bhur bòidibh, agus bhur tabhartasan saor-thoile, air son bhur n-ìobairtean-loisgte, agus air son bhur tabhartasan-bìdh, agus air son bhur tabhartasan-dibhe, agus air son bhur tabhartasan-sìth. 40 Agus dh’innis Maois do chloinn Israeil a réir gach ni a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. CAIB. XXX. AGUS labhair Maois re ceannardan nan treubh a thaobh chloinn Israeil (2), ag ràdh, Is e so an ni a dh’àithn an Tighearna. 2 Ma bhòidicheas duine bòid do’n Tighearna, no ma mhionnaicheas e mionnan a cheangal anma le ceangal (3), cha bhris (4) e fhocal; a réir gach ni a thig a mach as a bheul, ni e. 3 Mar an ceudna ma bhòidicheas bean bòid do’n Tighearna, agus gu’n ceangail si i féin le ceangal, agus i ann an tigh a h-athar ’na h-òige; 4 Agus gu’n cluinn a h-athair a bòid, agus a ceangal leis an do cheangail i h-anam, agus gu’m fan a h-athair ’na thosd ria, ’an sin seasaidh a bòidean uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do cheangail i h-anam. 5 Ach ma chuireas a h-athair ’na h-aghaidh ’san là anns an cluinn e; cha seas aon d’a bòidibh no d’a ceanglaichibh leis an do cheangail i h-anam; agus mathaidh an Tighearna dh’i, a (1) orduichte. (2) cinn-fheadhna threabh chloinn Israeil. (3) le cuibhreach, boinn. (4) truaill. [TD 286] AIREAMH. CAIB. XXXI. chionn gu’n do chuir a h-athair na h-aghaidh (1). 6 Agus ma bha idir fear-pòsda aice ’nuair a bha bòidean oirre, no ’nuair a labhair i ni as a beul, leis an do cheangail i h-anam, 7 Agus gu’n cual’ a fear e, agus gu’n d’fhan e ’na thosd ria ’san là anns an cual’ e i: ’an sin seasaidh a bòidean, agus seasaidh a ceanglaichean leis an do cheangail i h-anam. 8 Ach ma chuireas a fear-pòsda ’na h-aghaidh ’san là anns an cluinn e i, ’an sin bheir e gu neo-brìgh a bòid a bhòidich i, agus an ni a labhair i le bilibh, leis an do cheangail i h-anam: agus bheir an Tighearna maitheanas dh’i. 9 Ach gach bòid bantraich, agus mnà dealaichte, leis an do cheangail i a h-anam, seasaidh i na h-aghaidh. 10 Agus ma bhòidich i ann an tigh a fir, no ma cheangail i h-anam le ceangal maille re mionnaibh, 11 Agus gu’n cual’ a fear e, agus gu’n d’fhan e ’na thosd ria, agus nach do chuir e ’na h-aghaidh; ’an sin seasaidh a bòidean uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do cheangail i h-anam. 12 Ach ma chuir a fear gu tur air chùl iad (2) ’san là anns an cual’ e iad, ’an sin ge b’e ni thàinig a mach as a beul a thaobh a bòidean, no thaobh ceangail a h-anma, cha seas e: chuir a fear air chùl iad, agus bheir an Tighearna maitheanas d’i. 13 Na bòidean, agus na mionnan sin uile a cheanglas a chum an t-anam a chràdh, feudaidh a fear an daingneachadh, no feudaidh a fear an cur air chùl. 14 Ach ma dh’fhanas a fear gu tur ’na thosd ria, o là gu là; ’an sin tha e daingneachadh a bòidean uile, no a ceanglaichean uile a ta oirre: tha e g’an deanamh seasmhach, a chionn gu’n d’fhan e ’na thosd ria ’san là anns an cual’ e iad. 15 Ach ma chuireas e air chor sam bith air chùl iad ’an déigh dha ’n cluinntin; ’an sin giùlainidh e a h-aingidheachd-san. 16 Is iad sin na reachdan a dh’àithn an Tighearna do Mhaois eadar duine agus a bhean, eadar athair agus a nighean, agus i fathast ’na h-òige ann an tigh a h-athar. CAIB. XXXI. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Dìol clann Israeil (3) air na Midianaich: ’na dhéigh sin cruinnichear chum do dhaoine thu. 3 Agus labhair Maois ris an t-sluagh, ag ràdh, Rachadh cuid dibh fo’n armaibh chum a’ chogaidh, agus imicheadh iad a chogadh ’an aghaidh nam Midianach, agus dìoladh iad an Tighearna air Midian. 4 Do gach tréibh mìle, air feadh uile threubhan Israeil, cuiridh sibh chum a’ chogaidh. 5 Mar sin thugadh a mach a mìltibh Israeil, mìle do gach tréibh, dà mhìle dheug armaichte chum cogaidh. (1) gu’n d’thug a h-athair a bòid gu neo-brigh. (2) rinn a fear faoin iad, thug e gu neo-brigh iad. (3) Thoir aicheabhail chloinn Israeil a mach. [TD 287] AIREAMH. CAIB. XXXI. 6 Agus chuir Maois iad a chum a’ chogaidh, mìle do gach tréibh, iadsan agus Phinehas mac Eleasair an t-sagairt, a chum a’ chogaidh, leis na h-innealaibh naomha ’na làimh, agus na trompaidean gu séideadh. 7 Agus chog iad ’an aghaidh nam Midianach, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; agus mharbh iad na firionnaich uile. 8 Agus mharbh iad righrean Mhidiain, a thuilleadh air a’ chuid eile dhiubh a mharbhadh; eadhon Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Reba, cùig righrean Mhidiain: Balaam mar an ceudna mac Bheoir mharbh iad leis a’ chlaidheamh. 9 Agus thug clann Israeil leo mnài Mhidiain ’nam braighdibh, agus an clann bheag, agus thug iad leo creach an spréidh uile, agus an treudan uile, agus am maoin uile. 10 Agus loisg iad am bailtean uile anns an robh iad a chòmhnuidh, agus an dùin (1) uile le teine. 11 Agus thug iad leo a’ chreach uile, agus an cobhartach (2) uile eadar dhaoine agus ainmhidhean. 12 Agus thug iad na braighdean (3), agus a’ chreach, agus an cobhartach gu Maois agus Eleasar an sagart, agus gu co’-chruinneach chloinn Israeil, a chum a’ champa aig còmhnardaibh Mhoaib, a ta làimh re Iordan am fagus do Iericho. 13 Agus chaidh Maois agus Eleasar an sagart, agus ceannardan a’ cho’-chruinnich uile mach ’nan coinneamh an taobh a muigh do’n champa. 14 Agus bha corruich air Maois re luchd-riaghluidh an t-sluaigh, ris na ceannardaibh air mhìltibh, agus na ceannardaibh air cheudaibh, a thàinig o’n chogadh. 15 Agus thubhairt Maois riu, An do ghleidh sibh na mnài uile beo? 16 Feuch, thug iad sin air cloinn Israeil, le comhairle Bhalaaim, peacachadh ’an aghaidh an Tighearn ann an aobhar Pheoir; agus bha plàigh air feadh co’-chruinnich an Tighearna. 17 A nis uime sin marbhaibh gach firionnach am measg na cloinne bige, agus marbhaibh gach bean d’am b’aithne fear le luidheadh leis. 18 Ach a’ chlann bhan uile do nach b’aithne fear le luidhe leis, gleidhibh beo dhuibh féin. 19 Agus fanaibhse an taobh a muigh do’n champa seachd laithean: ge b’e mharbh neach air bith, agus ge b’e bhean re neach a mharbhadh, glanaibh sibh féin, agus bhur braighdean air an treas là, agus air an t-seachdamh là; 20 Agus glanaibh bhur n-eudach uile, agus gach ni a rinneadh da chroicnibh, agus gach obair do fhionna ghabhar, agus gach ni a rinneadh do fhiodh. 21 Agus thubhairt Eleasar an sagart ris na fir-chogaidh a chaidh a mach a dh’ionnsuidh a’ chatha, Is e so ordugh an lagha a dh’àithn an Tighearna do Mhaois: 22 A mhàin an t-òr, agus an t-airgiod, an t-umha, an t-iarunn, an staoin, agus an luaidh, (1) an caistealan, an daingnichean. (2) a’ chobhartach. (3) ciomaich, prìosanaich. [TD 288] AIREAMH. CAIB. XXXI. 23 Gach ni a dh’fhuilgeas an teine, bheir sibh fa’near e dhol tre ’n teine, agus glanar e: gidheadh le uisge an sgaraidh glanar e: agus gach ni nach fulaing an teine, bheir sibh fa’near e dhol tre ’n uisge. 24 Agus nighidh sibh bhur n-eudach air an t-seachdamh là, agus bithidh sibh glan, agus ’na dhéigh sin thig sibh a stigh do’n champa. 25 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 26 Gabh àireamh na creich a thogadh, eadar dhuine agus ainmhidh, thu féin, agus Eleasar an sagart, agus prìomh aithreacha a’ cho’-chruinnich: 27 Agus roinn a’ chreach ’na dà earrainn; eadar a’ mhuinntir a ghabh an cogadh orra féin, a chaidh mach do’n chath, agus eadar an co’-chruinneach uile: 28 Agus tog cìs (1) do’n Tighearna o na fir-chogaidh, a chaidh mach do’n chath: aon anam a cùig ceud, araon do na daoinibh, agus do’n bhuar, agus do na h-asail, agus do na caoraich. 29 Gabh e as an leth-san, agus thoir e do Eleasar an sagart, mar thabhartas-togta do’n Tighearna. 30 Agus a leth chloinn Israeil, gabhaidh tu aon chuibhrionn a leth-cheud, do na daoinibh, do’n bhuar, do na h-asail, agus do na treudaibh, do gach ainmhidh, agus bheir thu iad do na Lebhithich, a tha gleidheadh cùraim pàilliuin an Tighearna. 31 Agus rinn Maois agus Eleasar an sagart mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 32 Agus b’e an cobhartach, eadhon a’ chuid eile do’n chreich a ghlac na fir-chogaidh, sè ceud mìle agus deich is tri fichead mìle agus cuig mìle caora, 33 Agus tri fichead agus dà mhìle dheug bò, 34 Agus tri fichead agus aon mhìle asal, 35 Agus da mhìle dheug ’ar fhichead anam ’san iomlan, do mhnaibh do nach b’aithne fear le luidhe leis. 36 Agus bha ’n leth bu chuibhrionn doibhsan a chaidh mach a chum a’ chogaidh, ann an àireamh tri cheud mìle agus seachd mìle deug ’ar fhichead agus cùig ceud caora; 37 Agus b’i cìs an Tighearna do na caoraich sè ceud agus tri fichead agus cùig deug. 38 Agus b’iad am buar sè mìle deug ’ar fhichead: dhiubh so b’i cìs an Tighearna tri fichead ’s a dhà-dheug. 39 Agus b’iad na h-asail deich mìle thar fhichead agus cùig ceud: dhiubh so b’i cìs an Tighearna tri fichead agus a h-aon. 40 Agus b’iad anman nan daoine (2) sè mìle deug: dhiubh so b’i cìs an Tighearna dà anam dheug ’ar fhichead. 41 Agus thug Maois a’ chìs eadhon tabhartas-togta an Tighearna, do Eleasar an sagart, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 42 Agus do leth chloinn Israeil, a roinn Maois o’n luchd cogaidh, 43 (A nis b’i ’n leth a bhuineadh do’n cho’-chruinneach, tri cheud mìle agus seachd mìle deug ’ar fhichead agus cùig ceud caora, (1) cuibhrionn. (2) nam pearsanna. [TD 289] AIREAMH. CAIB. XXXII. 44 Agus sè mìle deug ’ar fhichead bò, 45 Agus deich mìle thar fhichead asal agus cùig ceud, 46 Agus sè mìle deug anam (1)) 47 Eadhon do’n leth a bhuineadh do chloinn Israeil, ghabh Maois aon chuibhrionn a leth-cheud eadar dhuine agus ainmhidh, agus thug e iad do na Lebhithich, a bha gleidheadh cùraim pàilliuin an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 48 Agus thàinig an luchd-riaghluidh a bha os cionn mhìltean an t-sluaigh, na ceannardan air mhìltibh, agus na ceannardan air cheudaibh, am fagus do Mhaois: 49 Agus thubhairt iad re Maois, Ghabh do sheirbhisich àireamh nam fear-cogaidh a tha fo’r làimh, agus cha ’n’eil duine dhinn air chall. 50 Uime sin thug sinn tabhartas a chum an Tighearna, gach fear na fhuair e do sheudaibh (2) òir, eadhon slabhraidhean, agus usgraichean (3), fàinnean, cluas-fhailean, agus criosan, a dheanamh réite air son ar n-anman ’an làthair an Tighearna. 51 Agus ghabh Maois agus Eleasar an sagart an t-òr uatha, uile ’na sheudaibh oibrichte. 52 Agus b’e òr an tabhartais uile a thug iad seachad do’n Tighearna, o na ceannardaibh air mhìltibh agus o na ceannardaibh air cheudaibh, sè mìle deug, seachd ceud agus leth-cheud secel. 53 (Oir ghabh na fir-chogaidh cobhartach, gach duine dha féin) 54 Agus ghabh Maois agus Eleasar an sagart an t-òr o na ceannardaibh air mhìltibh, agus air cheudaibh, agus thug iad e gu pàilliun a’ choi’-thionail, mar chuimhneachan do chloinn Israeil ’an làthair an Tighearna. CAIB. XXXII. A NIS bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro-mhòran spréidhe: agus an uair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch, bha ’n t-àite ’na àite spréidhe: 2 Agus thàinig clann Ghad, agus clann Reubein, agus labhair iad re Maois, agus re Eleasar an sagart, agus re uachdaranaibh a’ cho’-chruinnich, ag ràdh, 3 Ataroth, agus Dibon, agus Iaser, agus Nimrah, agus Hesbon, agus Elealeh, agus Sebam, agus Nebo, agus Beon; 4 Eadhon an dùthaich a bhuail an Tighearna roimh cho’-chruinneach Israeil, is fearann e air son spréidhe, agus tha spréidh aig do sheirbhisich. 5 Uime sin, ars’ iadsan, ma fhuair sinn deagh-ghean (4) a’d’ shealladh, thugar am fearann so do d’ sheirbhisich mar sheilbh, agus na d’thoir sinn a nunn thar Iordan. 6 Agus thubhairt Maois re cloinn Ghad, agus re cloinn Reubein, An d’théid bhur bràithre gu cogadh, agus an suidh sibhse ’an so? 7Agus c’ar son a bheir sibh mi-mhisneach do chridhe chloinn Israeil, a dhol a nunn do’n fhea- (1) anmanna dhaoine. Eabh. persons. Sasg. (2) innil, uidheam. (3) làmh-fhailean; bracelets. Sasg. (4) fàbhor. [TD 290] AIREAMH. CAIB. XXXII. rann a thug an Tighearna dhoibh? 8 Mar so rinn bhur n-aithreacha, ’nuair a chuir mi iad o Chades-barnea a dh’amharc na tìre: 9 ’Nuair a chaidh iad suas gu gleann Escoil, agus a chunnaic iad am fearann, thug iad mi-mhisneach do chridhe chloinn Israeil, a chum nach rachadh iad a steach do’n fhearann a thug an Tighearna dhoibh. 10 Agus las corruich an Tighearna ’san àm sin féin, agus mhionnaich e, ag ràdh, 11 Gu cinnteach cha ’n fhaic a h-aon do na daoinibh a thàinig a nìos as an Eiphit, o fhichead bliadhna dh’aois agus os a cheann, am fearann a mhionnaich mi do Abraham, do Isaac, agus do Iacob, a chionn nach do lean iad mi gu h-iomlan; 12 Saor o Chaleb mac Iephuneh an Ceniseach, agus Iosua mac Nun: oir lean iadsan an Tighearna gu h-iomlan. 13 Agus las corruich an Tighearna ’an aghaidh Israeil, agus chuir e air seacharan (1) iad ’san fhàsach dà fhichead bhliadhna, gus an deachaidh as do’n ghinealach sin uile a rinn olc ’an sealladh an Tighearna. 14 Agus feuch, tha sibhse air éirigh suas ’an àite bhur n-aithreacha, gineal dhroch dhaoine, a mheudachadh fathast mòr chorruich an Tighearna re h-Israel. 15 Oir ma thionndadhas sibh air falbh o leantuinn-san, fàgaidh e fathast uair eile ’san fhàsach iad, agus sgriosaidh sibh an sluagh so uile. 16 Agus thàinig iad am fagus da, agus thubhairt iad, Togaidh sinn mainnirean chaorach ’an so d’ar spréidh, agus bailte (2) d’ar cloinn bhig. 17 Ach théid sinn féin deasarmaichte roimh chloinn Israeil, gus an d’thoir sinn iad d’an àite: agus ni ar clann bheag còmhnuidh ’sna bailtibh daingnichte air sgàth (3) luchd-àiteachaidh na tìre. 18 Cha phill sinn d’ar tighibh gus an sealbhaich clann Israeil gach duine dhiubh oighreachd féin: 19 Oir cha sealbhaich sinne maille riu-san an taobh eile do Iordan, no thall o sin; a chionn gu’n do thuit ar n-oighreachd dhuinne air an taobh so do Iordan a làimh na h-aird’ an ear. 20 Agus thubhairt Maois riu, Ma ni sibh an ni so, ma théid sibh fo’r (4) n-armaibh roimh an Tighearna gu cogadh, 21 Agus gu’n d’théid sibh uile armaichte thar Iordan roimh an Tighearna, gus am fuadaich e mach a naimhdean as a làthair, 22 Agus gu’n ceannsaichear (5) am fearann am fianuis an Tighearna; ’na dhéigh sin pillidh sibh, agus bithidh sibh neo-choireach ’an làthair an Tighearna, agus ’an làthair Israeil, agus bithidh am fearann so ’na sheilbh agaibh am fianuis an Tighearna. 23 Ach mur dean sibh mar (1) iomroll, allaban. (2) caithriche. (3) o aghaidh. Eabh. (4) fuidh ar. (5) cìosnaichear. [TD 291] AIREAMH. CAIB. XXXII. so, feuch, pheacaich sibh ’an aghaidh an Tighearna: agus bithibh cinnteach gu’m faigh bhur peacadh a mach sibh. 24 Togaibh bailte d’ar cloinn bhig, agus mainnirean d’ar caoraich; agus deanaibh an ni a chaidh mach as bhur beul. 25 Agus labhair clann Ghad agus clann Reubein re Maois, ag ràdh, Ni do sheirbhisich mar a ta mo Thighearn ag àithneadh. 26 Bithidh ar clann bheag, ar mnài, ar treudan agus ar spréidh uile, ’an sin ann am bailtibh Ghilead. 27 Ach théid do sheirbhisich thairis, gach fear dhiubh armaichte chum cogaidh, roimh an Tighearna gu cath, mar a tha mo thighearn ag ràdh. 28 Agus thug Maois àithne d’an taobh do Eleasar an sagart, agus do Iosua mac Nun, agus do phrìomh aithreachaibh (1) threubha chloinn Israeil: 29 Agus thubhairt Maois riu, Ma théid clann Ghad, agus clann Reubein a nunn maille ribh thar Iordan, gach fear dhiubh armaichte chum cath ’an làthair an Tighearna, agus gu’n ceannsaichear an tìr romhaibh (2), ’an sin bheir sibh dhoibh fearann Ghilead mar sheilbh: 30 Ach mur d’théid iad thairis maille ribh armaichte, bithidh seilbh aca ’nar measg féin ann an tìr Chanaain. 31 Agus fhreagair clann Ghad, agus clann Reubein, ag ràdh, Mar a thubhairt an Tighearna re d’ sheirbhisich, mar sin ni sinne. 32 Théid sinn a nunn armaichte roimh an Tighearna do thìr Chanaain, a chum as gu’m bi sealbh ar n-oighreachd againn air an taobh so do Iordan. 33 Agus thug Maois dhoibh, eadhon do chloinn Ghad, agus do chloinn Reubein, agus do leth thréibh Mhanaseh, mhic Ioseiph, rìoghachd Shihoin righ nan Amorach, agus rìoghachd Og righ Bhasain, an tìr maille r’a bailtibh, anns na crìochaibh, eadhon bailte na dùthcha m’an cuairt. 34 Agus thog clann Ghad Dibon, agus Atarot, agus Aroer, 35 Agus Atrot, Sophan, agus Iaaser, agus Iogbehah, 36 Agus Betnimrah, agus Bet-haran, bailte daingnichte: agus mainnirean air son chaorach: 37 Agus thog clann Reubein Hesbon, agus Elealeh, agus Ciriataim, 38 Agus Nebo, agus Baal-meon (air d’an ainme bhi air an atharrachadh) agus Sibmah: agus thug iad ainmeanna eile do na bailtibh a thog iad. 39 Agus chaidh clann Mhachir, mhic Mhanaseh, do Ghilead, agus ghlac iad e, agus chuir iad a seilbh an t-Amorach a bha ann. 40 Agus thug Maois Gilead do Mhachir mac Mhanaseh: agus ghabh e còmhnuidh ann. 41 Agus chaidh Iaer mac Mhanaseh agus ghlac e a bhailte beaga, agus thug e Habhot-iair mar ainm orra. 42 Agus chaidh Nobah agus ghlac e Cenat, agus a bhailte beaga, agus thug e Nobah mar ainm air, a réir ainme féin. (1) aithrichibh. (2) roimhibh. [TD 292] AIREAMH. CAIB. XXXIII. CAIB. XXXIII. IS iad so turusan chloinn Israeil, a chaidh mach a tìr na h-Eiphit, a réir an armailtean (1), fuidh làimh Mhaois agus Aaroin. 2 Agus sgrìobh Maois an dol a mach a réir an turusan, air àithne an Tighearna: agus is iad so an turusan, a réir an dol a mach. 3 Agus dh’imich iad o Rameses anns a’ cheud mhìos, air a’ chùigeadh là deug do’n cheud mhìos: air an là màireach ’an déigh na càisge, chaidh clann Israeil a mach le làimh aird ann an sealladh nan Eiphiteach uile. 4 Oir dh’adhlaic na h-Eiphitich an ceud-ghin uile, a bhuail an Tighearna ’nam measg: air an déibh mar an ceudna chuir an Tighearna breitheanas ’an gnìomh) 5 Agus dh’imich clann Israeil (2) o Rameses, agus champaich iad ann an Sucot. 6 Agus dh’imich iad o Shucot, agus champaich iad ann an Etam, a tha ann an iomall an fhàsaich. 7 Agus dh’imich iad o Etam, agus phill iad a rìs gu Pihahirot, a ta fa chomhair Bhaal-sephoin: agus champaich iad fa chomhair Mhigdol. 8 Agus dh’imich iad o chomhair Phihahirot, agus chaidh iad tre mheadhon na fairge do’n fhàsach, agus dh’imich iad astar thri laithean ann am fàsach Etaim, agus champaich iad ann am Màrah. 9 Agus dh’imich iad o Mhàrah, agus thàinig iad gu h-Elim: agus ann an Elim bha dà thobar (3) dheug uisge, agus deich agus tri fichead craobh pailm; agus champaich iad ’an sin. 10 Agus dh’imich iad o Elim, agus champaich iad làimh ris a’ mhuir ruaidh. 11 Agus dh’imich iad o’n mhuir ruaidh, agus champaich iad ann am fàsach Shin. 12 Agus dh’imich iad a fàsach Shin, agus champaich iad ann an Dophcah. 13 Agus dh’imich iad o Dhophcah, agus champaich iad ann an Alus. 14 Agus dh’imich iad o Alus, agus champaich iad ann an Rephidim, far nach robh uisge aig an t-sluagh r’a òl. 15 Agus dh’imich iad o Rephidim, agus champaich iad ann am fàsach Shinai. 16 Agus dh’imich iad o fhàsach Shinai, agus champaich iad ann an Cibrot-hataabhah. 17 Agus dh’imich iad o Chibrot-hataabhah, agus champaich iad ann an Haserot. 18 Agus dhimich iad o Haserot, agus champaich iad ann an Ritmah. 19 Agus dh’imich iad o Ritmah, agus champaich iad ann an Rimon-pares. 20 Agus dh’imich iad o Rimon-pares, agus champaich iad ann an Libnah. 21 Agus dh’imich iad o Libnah agus champaich iad ann an Risah. 22 Agus dh’imich iad o Risah, agus champaich iad ann an Cehelatah. 23 Agus dh’imich iad o Che- (1) le’n armailtibh. (2) thriall, ghabh clann Israeil an turus. (3) shùil. Eabh. [TD 293] AIREAMH. CAIB. XXXIII. helatah, agus champaich iad ann an sliabh Shapher. 24 Agus dh’imich iad o shliabh Shapher, agus champaich iad ann an Haradah. 25 Agus dh’imich iad o Haradah, agus champaich iad ann am Machelot. 26 Agus dh’imich iad o Mhachelot, agus champaich iad ann an Tahat. 27 Agus dh’imich iad o Thahat, agus champaich iad ann an Tarah. 28 Agus dh’imich iad o Tharah, agus champaich iad ann am Mitcah. 29 Agus dh’imich iad o Mhitcah, agus champaich iad ann an Hasmonah. 30 Agus dh’imich iad o Hasmonah, agus champaich iad ann am Moserot. 31 Agus dh’imich iad o Mhoserot, agus champaich iad ann am Bene-iaacan. 32 Agus dh’imich iad o Bhene-iaacan, agus champaich iad ann an Hor-hagidgad. 33 Agus dh’imich iad o Hor-hagidgad, agus champaich iad ann an Iot-batah. 34 Agus dh’imich iad o Iod-batah, agus champaich iad ann an Ebronah. 35 Agus dh’imich iad o Ebronah, agus champaich iad ann an Esion-gaber. 36 Agus dh’imich iad a Esion-gaber, agus champaich iad ann am fàsach Shin: is e so Cades. 37 Agus dh’imich iad o Chades, agus champaich iad ann an sliabh Hor, ann an iomall fearainn Edoim. 38 Agus Chaidh Aaron an sagart suas gu sliabh Hor air àithne an Tighearna, agus fhuair e bàs ’an sin anns an dà fhicheadamh bliadhna ’an déigh do chloinn Israeil teachd a mach a tìr na h-Eiphit, air a’ cheud là do’n chùigeadh mìos. 39 Agus bha Aaron ceud agus fichead agus tri bliadhna dh’aois, an uair a dh’eug e ann an sliabh Hor. 40 Agus chuala righ Arad an Canaanach (a bha chòmhnuidh ’san airde deas ann an tìr Chanaain) mu theachd chloinn Israeil. 41 Agus dh’imich iad o shliabh Hor, agus champaich iad ann an Salmonah. 42 Agus dh’imich iad o Shalmonah, agus champaich iad ann am Punon. 43 Agus dh’imich iad o Phunon, agus champaich iad ann an Obot. 44 Agus dh’imich iad o Obot, agus champaich iad ann an Iieabarim, ann an crìch Mhoaib. 45 Agus dh’imich iad o Iim, agus champaich iad ann an Dibon-gad. 46 Agus dh’imich iad o Dhibon-gad, agus champaich iad ann an Almon-diblataim. 47 Agus dh’imich iad o Almon-diblataim, agus champaich iad ann an sléibhtibh Abarim, fa chomhair Nebo. 48 Agus dh’imich iad o shléibhtibh Abarim, agus champaich iad ann an còmhnardaibh Mhoaib, làimh re Iordan am fagus do Iericho. 49 Agus champaich iad làimh re Iordan, o Bhet-iesimot eadhon gu Abel-sitim, ann an còmhnardaibh Mhoaib. [TD 294] AIREAMH. CAIB. XXXIV. 50 Agus labhair an Tighearna re Maois ann an còmhnardaibh Mhoaib, làimh re Iordan am fagus do Iericho, ag ràdh, 51 Labhair re cloinn Israeil agus abair riu, ’Nuair a théid sibh a nunn thar Iordan, do thìr Chanaain; 52 ’An sin fògraidh sibh a mach uile luchd-àiteachaidh na tìre as bhur fianuis, agus cuiridh sibh as d’an dealbhan uile, agus sgriosaidh sibh an coslais (1) leaghta uile, agus fàsaichidh sibh (2) an ionadan arda uile. 53 Agus cuiridh sibh a seilbh luchd-àiteachaidh an fhearainn, agus ni sibh còmhnuidh ann: oir thug mise dhuibh am fearann r’a shealbhachadh. 54 Agus roinnidh sibh am fearann le crannchur mar oighreachd am measg bhur teaghlaichean: dhoibhsan a’s lìonmhoire bheir sibh an oighreachd a’s mò, agus dhoibhsan a’s teirce bheir sibh an oighreachd a’s lugha: bithidh oighreachd gach duine ’san àite anns an tuit a chrannchur; a réir treubha bhur n-aithreacha sealbhaichidh sibh. 55 Ach mur fògair sibh a mach luchd-àiteachaidh an fhearainn as bhur fianuis, ’an sin bithidh iadsan diubh d’an leig sibh fuireach, ’nan scolbaibh (3) ’nar sùilean, agus ’nam bioraibh ’nar taobhan, agus cuiridh iad campar oirbh (4) ’san fhearann anns am bi sibh a chòmhnuidh. 56 Os bàrr tarlaidh, mar a smuainich mi a dheanamh riu-san, gu’n dean mi ribhse. CAIB. XXXIV. AGUS labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 2 Aithn do chloinn Israeil, agus abair riu, ’Nuair a thig sibh do thalamh Chanaain (is e so am fearann a thuiteas oirbh mar oighreachd, eadhon fearann Chanaain maille r’a chrìochaibh) 3 ’An sin bithidh bhur cearn (5) deas o fhàsach Shin, leth re crìch Edoim, agus is i bhur crìoch mu dheas fìor iomall na fairge saillte a làimh na h-aird’ an ear. 4 Agus pillidh bhur crìoch o dheas gu dìreadh Acrabim, agus théid i air a h-aghaidh gu Sin; agus bithidh a dol a mach o’n taobh dheas gu Cades-barnea, agus gabhaidh i roimpe gu Hasar-adar, agus théid i air a h-aghaidh gu h-Asmon. 5 Agus bheir a’ chrioch cuairt o Asmon gu abhuinn na h-Eiphit, agus bithidh a dol a mach aig an fhairge. 6 Agus a thaobh na crìch an iar, bithidh agaibh eadhon an fhairge mhòr mar chrìch: bithidh a’ chrìoch so ’na crìch dhuibh air an làimh an iar. 7 Agus is i so bhur crìoch air an làimh mu thuath: o’n fhairge mhòir comharaichidh sibh dhuibh féin gu sliabh Hor. 8 O shliabh Hor comharaichidh sibh bhur crìoch gu dol a stigh Hamat: agus bithidh dol a mach na crìche gu Sedad. 9 Agus gabhaidh bhur crìoch roimpe gu Siphron, agus bithidh (1) ìomhaighean, dreachan, riochdan. (2) tilgidh sibh sìos. (3) dealgaibh, gathaibh. (4) bithidh iad ’nan naimhdean duibh. (5) cearna, oisinn. [TD 295] AIREAMH. CAIB. XXXV. a dol a mach aig Hasar-enan; is i so bhur crìoch mu thuath. 10 Agus comharaichidh sibh bhur crìoch air an taobh an ear o Hasar-enan gu Sepham. 11 Agus théid a’ chrìoch sìos o Shepham gu Riblah, air an taobh an ear do Ain; agus théid a’ chrìoch sìos, agus ruigidh i gu taobh fairge Chineret a làimh na h-aird’ an ear. 12 Agus théid a’ chrìoch sìos gu Iordan, agus bithidh a dol a mach aig a’ mhuir shaillte: is e so bhur fearann le chrìochaibh m’an cuairt. 13 Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, ag ràdh, Is e so am fearann a shealbhaicheas sibh le crannchur, a dh’àithn an Tighearna thoirt do na naoi treubhan agus do’n leth-thréibh. 14 Oir fhuair treubh chloinn Reubein an oighreachd, a réir tighe an aithreacha, agus treubh chloinn Ghad a réir tighe an aithreacha; agus fhuair leth thréibh Mhanaseh an oighreachd. 15 Fhuair an dà threubh agus an leth thréibh an oighreachd air an taobh so do Iordan am fagus do Iericho, a làimh na h-aird’ an ear, leth re éirigh na gréine. 16 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 17 Is iad so ainmeanna nan daoine a roinneas am fearann duibh: Eleasar an sagart, agus Iosua mac Nun. 18 Agus gabhaidh sibh aon cheannard do gach tréibh, a roinn an fhearainn mar oighreachd. 19 Agus is iad so ainmeanna nan daoine: Do thréibh Iudaih, Caleb mac Iephuneh. 20 Agus do thréibh chloinn Shimeoin, Semuel mac Amihud. 21 Do thréibh Bheniamin, Elidad mac Chisloin. 22 Agus ceannard tréibh chloinn Dhan, Buci mac Iogli. 23 Ceannard chloinn Ioseiph, air son tréibh chloinn Mhanaseh, Haniel mac Ephoid. 24 Agus ceannard tréibh chloinn Ephraim, Cemuel mac Shiphtain. 25 Agus ceannard tréibh chloinn Shebuluin, Elisaphan mac Pharnaich. 26 Agus ceannard tréibh chloinn Isachair, Paltiel mac Asain. 27 Agus ceannard tréibh chloinn Aseir, Ahihud mac Shelomi. 28 Agus ceannard tréibh chloinn Naphtali, Pedahel mac Amihud. 29 Is iad sin iadsan d’an d’àithn an Tighearn an oighreachd a roinn do chloinn Israeil ann an tìr Chanaain. CAIB. XXXV. AGUS labhair an Tighearna re Maois ann an còmhnardaibh Mhoaib, làimh re Iordan am fagus do Iericho, ag ràdh, 2 Aithn do chloinn Israeil, iad a thabhairt do na Lebhithich do oighreachd an seilbh, bailte (1) gu còmhnuidh ghabhail annta: agus bheir sibh mar an ceudna do na Lebhithich fea- (1) cathraiche. (2) iomallan fearainn, bail-chroibhtean. [TD 296] AIREAMH. CAIB. XXXV. rann comh-roinn (1) d’am bailtibh m’an cuairt orra. 3 Agus bithidh na bailtean aca gu còmhnuidh ghabhail annta, agus bithidh am fearann comh-roinn air son an spréidhe, agus air son am maoin, agus air son an ainmhidhean uile. 4 Agus ruigidh fearann comh-roinn nam bailtean a bheir sibh do na Lebhithich a mach o bhalladh a’ bhaile, mìle làmh-choille m’an cuairt. 5 Agus tomhaisidh sibh o’n leth a muigh do’n bhaile air an taobh an ear dà mhìle làmh-choille, agus air an taobh dheas dà mhìle làmh-choille, agus air an taobh an iar dà mhìle làmh-choille, agus air an taobh thuath dà mhìle làmh-choille; agus bithidh am baile ’sa’ mheadhon: bithidh so dhoibh ’na fhearann comh-roinn d’am bailtibh. 6 Agus am measg nam bailtean a bheir sibh do na Lebhithich, bithidh sè bailte chum dìdein (2), a dh’orduicheas sibh air a shon-san a mharbhas duine, chum as gu’n teich e ’n sin: agus riu-san cuiridh sibh dà bhaile ’s dà fhichead. 7 Mar so is iad na bailte sin uile a bheir sibh no na Lebhithich, agus dà-fhichead baile: iad sin bheir sibh seachad agus am fearann comh-roinn. 8 Agus bithidh na bailtean a bheir sibh seachad do sheilbh chloinn Israeil: uatha-san aig am bheil mòran, bheir sibh mòran; ach uatha-san aig am bheil beagan, bheir sibh beagan: bheir gach aon d’a bhailtibh do na Lebhithich, a réir oighreachd a ta e sealbhachadh. 9 Agus labhair an Tighearna re Maois, ag ràdh, 10 Labhair re cloinn Israeil, agus abair riu, ’Nuair a bhios sibh air teachd thar Iordan do thìr Chanaain, 11 ’An sin orduichidh sibh dhuibh féin bailte, gu bhi ’nam bailtibh dìdein dhuibh; a chum gu’n teich am marbhaich ’an sin, a mharbhas neach ’an ain-fhios (3). 12 Agus bithidh iad duibh ’nam bailtibh a chum dìdein o’n dìoghaltair (4); a chum nach bàsaich esan a mharbhas duine, gus an seas e ’an làthair a’ cho’-chruinnich ann am breitheanas. 13 Agus do na bailtibh sin a bheir sibh seachad, bithidh se bailtean agaibh a chum dìdein. 14 Bheir sibh seachad tri bailtean air an taobh so do Iordan, agus tri bailte bheir sibh seachad ann an tìr Chanaain, a bhios ’nam bailtibh dìdein. 15 Bithidh na sè bailte sin ’nan dìdein, araon do chloinn Israeil, agus do’n choigreach, agus dha-san a bhios air chuairt ’nam measg: a chum gu’n teich gach neach ’an sin, a mharbhas duine gun fhios. 16 Agus ma bhuaileas se e le h-inneal iaruinn (air chor as gu’m bàsaich e) is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs. 17 Agus ma bhuaileas se e le clach a thilgeadh (a dh’fheudas a bhàs a thoirt) agus gu’m bàsaich e, is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs. 18 No ma bhuaileas se e le làmh-bhall (5) fiodha (a dh’fheudas (1) iomallan fearainn, bail’-chroibhtean. (2) comruich, girt. (3) am mearachd. (4) o fhear na folachd. (5) làmh-arm. [TD 297] AIREAMH. CAIB. XXXV. a bhàs a thoirt) agus gu’m faigh e bàs, is mortair e: cuirear gu cinnteach am mortair gu bàs. 19 Marbhaidh dìoghaltair na fola e féin am mortair: an uair a choinnicheas se e (1), marbhaidh se e. 20 Ach ma bheir e urchuir dha tre fhuath (2), no ma thilgeas e ni sam bith air ’am plaid-luidhe (3), air chor as gu’m faigh e bàs; 21 No ma bhuaileas se e le a làimh ann an naimhdeas, air chor as gu’m faigh e bàs; cuirear esan a bhuail e gun teagamh gu bàs; oir is mortair e: marbhaidh dìoghaltair na fola am mortair, an uair a choinnicheas se e. 22 Ach ma thug e urchuir dha gu h-obann gun naimhdeas, no ma thilg e ni sam bith air gun phlaid-luidhe; 23 No le cloich sam bith a dh’fheudas bàs duine a thabhairt, gun e ’ga fhaicinn, agus gu’n do thilg e air i air chor as gu’m faigh e bàs, agus gun a chron iarraidh: 24 ’An sin bheir an co’-chruinneach breth eadar am marbhaich agus dìoghaltair na fola, a réir nam breitheanas sin. 25 Agus saoraidh an co’-chruinneach am marbhaiche a làimh dìoghaltair na fola, agus cuiridh an co’-chruinneach air ais (4) e do bhaile a dhìdein, gus an do theich e: agus fanaidh e ann gu bàs an ard-shagairt, a dh’ungadh leis an ola naomha. 26 Ach ma thig am marbhaiche uair air bith an taobh a mach do chrìch baile a dhìdein, gus an do theich e; 27 Agus gu’m faigh dìoghaltair na fola e an taobh a mach do chrìochaibh baile a dhìdein, agus gu’m marbh dìoghaltair na fola am marbhaiche: cha bhi e ciontach do fhuil: 28 A chionn gu’m bu chòir dha fuireach ann am baile a dhìdein gu bàs an ard-fhagairt: ach ’an déigh bàis an ard-shagairt, pillidh am marbhaiche gu fearann a sheilbhe féin. 29 Agus bithidh na nithe sin ’nan reachd breitheanais dhuibh, air feadh bhur ginealacha ’nar n-àitibh-còmhnuidh uile. 30 Ge b’e mharbhas neach sam bith, cuirear am mortair gu bàs le beul (5) fhianuisean: ach cha d’thoir aon fhianuis teisteas ’an aghaidh neach sam bith a chum a chur gu bàs. 31 Agus cha ghabh sibh éiric sam bith air son anma mortair, a tha ciontach do bhàs; ach cuirear gu cinnteach gu bàs e. 32 Agus cha ghabh sibh éiric sam bith air a shon-san a theich do bhaile a dhìdein, a chum as gu’n d’thigeadh e rìs a ghabhail còmhnuidh ’san fhearann, gu bàs an t-sagairt. 33 Mar sin cha truaill sibh am fearann anns am bheil sibh: oir truaillidh fuil am fearann, agus cha ’n’eil e ’n comas am fearann a ghlanadh do’n fhuil a dhòirteadh ann, ach le fuil an ti a dhòirt i. 34 Na salaichibh uime sin am fearann anns am bi sibh a chòmhnuidh, anns am bheil mise a’m’ chòmhnuidh: a chionn gu bheil mise an Tighearn (1) thachaireas e air. (2) o ghalltanas. (3) le fàth-fheitheamh, le rùn mealltach. (4) ais-iocaidh an co’-chruinneach. (5) o bhriathraibh. [TD 298] AIREAMH. CAIB. XXXVI. a’m’ chòmhnuidh am meadhon chloinn Israeil. CAIB. XXXVI. AGUS thàinig prìomh aithreacha theaghlaiche chloinn Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh, do theaghlaichibh mhac Ioseiph, am fagus, agus labhair iad ’an làthair Mhaois, agus ’an làthair nan ceannard, eadhon phrìomh aithreacha chloinn Israeil: 2 Agus thubhairt iad, Dh’àithn an Tighearna do m’ thighearn am fearann a thoirt mar oighreachd le crannchur do chloinn Israeil, agus dh’àithneadh do m’ thighearna leis an Tighearn, oighreachd ar bràthar Shelophehaid a thoirt d’a nigheanaibh. 3 Agus ma phòsar iad re h-aon do mhic nan treubh eile do chloinn Israeil, ’an sin bheirear an oighreachd-san o oighreachd ar n-aithreacha, agus cuirear i re oighreachd na tréibh d’an gabhar iad: mar sin bheirear i o chrannchur ar n-oighreachd-ne. 4 Agus an uair a bhios an iubile (1) ann do chloinn Israeil, ’an sin cuirear an oighreachd re oighreachd na tréibh gus an do ghabhadh iad: mar sin bheirear an oighreachd-san air falbh o oighreachd thréibh ar n-aithreacha. 5 Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, a réir focail an Tighearna, ag ràdh, Is ceart a labhair treubh mhac Ioseiph. 6 Is e so an ni a dh’àithn an Tighearna thaobh nigheana Shelophehaid, ag ràdh, Pòsadh iad an neach a’s àill leo; a mhàin re teaghlach thréibh an aithreacha pòsaidh iad. 7 Mar sin cha’n atharraich oighreachd chloinn Israeil o thréibh gu tréibh: oir dlùth-leanaidh gach duine do chloinn Israeil re oighreachd tréibh aithreacha. 8 Agus bithidh gach nighean a shealbhaicheas oighreachd ann an tréibh sam bith do chloinn Israeil, ’na mnaoi aig aon do theaghlach tréibh a h-athar, a chum gu meal clann Israeil gach duine dhiubh oighreachd aithreacha. 9 Ni mò dh’atharraicheas an oighreachd o aon tréibh gu tréibh eile; ach dlùth-leanaidh gach duine do threubhaibh chloinn Israeil r’a oighreachd féin. 10 Eadhon mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn nigheana Shelophechaid: 11 Oir phòsadh Mahlah, Tirsah, agus Hoglah, agus Milcah, agus Noha, nigheana Shelophehaid, re mic bhràthar an athar. 12 Phòsadh iad re fir do theaghlaichibh mhac Mhanaseh mhic Ioseiph, agus dh’fhan an oighreachd ann an treubh teaghlaich an athar. 13 Is iad sin na h-àitheantan, agus na breitheanais, a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do chloinn Israeil ann an còmhnardaibh Mhoaib, làimh re Iordan am fagus do Iericho. (1) bliadhna mhaitheanais. [TD 299] DEUTERONOMI. CAIB. I. IS iad so na briathran a labhair Maois re Israel uile, air an taobh so do Iordan ’san fhàsach, anns a’ chòmhnard fa chomhair na mara ruaidhe, eadar Paran, agus Tophel, agus Laban, agus Haserot, agus Disahab. 2 (Tha asdar aon là deug o Horeb rathad sléibh Sheir, gu Cades-barnea) 3 Agus anns an dà fhicheadamh bliadhna, anns an aon mhìos deug, air a’ cheud là do’n mhìos, labhair Maois re cloinn Israeil, a réir nan uile nithe a dh’àithn an Tighearna dha d’an taobh; 4 ’An déigh dha Sihon righ nan Amorach a mharbhadh, a bha chòmhnuidh ann an Hesbon, agus Og righ Bhasain, a bha chòmhnuidh aig Astarot ann an Edrei, 5 Air an taobh so do Iordan, ann an tìr Mhoaib, thòisich Maois air an lagh so chur ’an céill, ag ràdh, 6 Labhair an Tighearn ar Dia ruinn ann an Horeb, ag ràdh, Ghabh sibh còmhnuidh fada gu leòr ’san t-sliabh so: 7 Pillibh agus gabhaibh bhur turus, agus rachaibh a chum sléibh nan Amorach, agus a chum nan ionadan uile am fagus da anns a’ chòmhnard (1), anns a’ mhonadh, agus anns an t-srath, agus mu dheas, agus re taobh na fairge, gu fearann nan Canaanach, agus gu Lebanon, a dh’ionnsuidh na h-aibhne mòire, aibhne Euphrates. 8 Feuch, chuir mi ’n tìr romhaibh; rachaibh a steach, agus sealbhaichibh am fearann a mhionnaich an Tighearna d’ar n-aithreachaibh, Abraham, Isaac, agus Iacob, gu’n d’thugadh e dhoibh e, agus d’an sliochd ’nan déigh. 9 Agus labhair mi ribh ’san àm sin, ag ràdh, Cha ’n urrainm mise bhur giùlan a’m’ aonar: 10 Rinn an Tighearna bhur Dia lìonmhor sibh, agus feuch, tha sibh an diugh mar reulta nèimh a thaobh lìonmhoireachd. 11 (Gu deanadh an Tighearna, Dia bhur n-aithreacha, sibh mìle uair ni’s lìonmhoire na tha sibh, agus gu’m beannaicheadh e sibh mar a gheall e dhuibh) 12 Cionnus is urrainn mise leam féin bhur dragh a ghiùlan, agus bhur n-eallach, agus bhur comh-stri. 13 Gabhaibhse dhiubh féin daoine glic agus tuigseach, agus aithnichte ’nar treubhaibh, agus ni mise iad ’nan ceannardan oirbh. 14 Agus fhreagair sibh mi, agus thubhairt sibh, Tha an ni a labhair thu math dhuinne r’a dheanamh. (1) anns an fhàsach. (2) maithean, ard dhaoine. (3) ghnùis. Eabh. [TD 300] DEUTERONOMI. CAIB. I. 15 Agus ghabh mi cinn bhur treubh, daoine glic, agus aithnichte, agus rinn mi iad ’nan ceannardaibh oirbh, ’nan uachdaranaibh mhìlte, agus ’nan uachdaranaibh cheuda, agus ’nan uachdaranaibh leth-cheuda, agus ’nan uachdaranaibh dheichnear, agus ’nan luchd-riaghlaidh am measg bhur treubhan. 16 Agus dh’àithn mi d’ar breitheamhnaibh ’san àm sin, ag ràdh, Eisdibh ris na cùisean a bhios eadar bhur bràithre, agus thugaibh breth cheart eadar gach duine agus a bhràthair, agus an coigreach a ta maille ris. 17 Cha bhi suim agaibh do neach seach a’ chéile ann am breitheanas; ris a’ bheag éisdidh sibh co mhath is ris a’ mhòr; cha bhi athadh (1) oirbh roimh ghnùis duine, oir is le Dia a’ bhreth: agus a’ chùis a bhios ro-chruaidh oirbh, bheir sibh a’m’ ionnsuidhs’, agus éisdidh mise ria. 18 Agus dh’àithn mi dhuibh ’san àm sin na h-uile nithe bu chòir dhuibh a dheanamh. 19 Agus an uair a dh’fhalbh sinn o Horeb, chaidh sinn tre ’n fhàsach mhòr agus uamhasach sin uile, a chunnaic sibh air slighe sléibh nan Amorach, a réir mar a dh’àithn an Tighearn ar Dia dhuinn; agus thàinig sinn gu Cades-barnea. 20 Agus thubhairt mi ribh, Tha sibh air teachd gu sliabh nan Amorach, a tha ’n Tighearn ar Dia a’ toirt duinn. 21 Feuch, chuir an Tighearna do Dhia am fearann romhad, imich suas, sealbhaich e, a réir mar a thubhairt an Tighearna Dia t-aithreacha riut; na biodh eagal ort, agus na biodh faitcheas (2) ort. 22 Agus thàinig sibh am fagus domhsa gach aon agaibh, agus thubhairt sibh, Cuireamaid daoine romhainn, agus rannsaicheadh iad a mach dhuinn am fearann, agus thugadh iad fios d’ar n-ionnsuidh a rìs ciod an t-slighe air an d’théid sinn suas, agus ciod na bailte gus an d’thig sinn. 23 Agus thaitinn a’ chainnt rium gu math; agus ghabh mi dà fhear dheug dhibh, aon fhear as gach tréibh. 24 Agus thionndaidh iad agus chaidh iad suas do’n t-sliabh, agus thàinig iad gu gleann Escoil, agus rannsaich iad a mach e. 25 Agus ghabh iad ’nan làimh do thoradh an fhearainn, agus thug iad a nuas e d’ar n-ionnsuidhne, agus thug iad fios duinn a rìs, agus thubhairt iad, Is math am fearann a tha ’n Tighearn ar Dia a’ tabhairt dhuinn. 26 Gidheadh, cha b’àill leibh (3) dol suas, ach chuir sibh (4) ’an aghaidh àithne an Tighearna bhur Dé. 27 Agus rinn sibh gearan ’nar bùthaibh, agus thubhairt sibh, A chionn gu’m b’fhuathach leis an Tighearna sinn, thug e mach sinn a tìr na h-Eiphit, gu’r toirt thairis ’an làimh nan Amorach, a chur as duinn. 28 C’àit’ an d’théid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fuidh mhi-mhisnich, ag ràdh, Tha ’n sluagh ni’s mò agus ni’s airde na sinne, tha na bailtean mòra, agus daingnichte suas gu (1) eagal. (2) mi-mhisneach. (3) bu toil leibh. (4) sheas sibh a mach, rinn sibh ar’ a mach. [TD 301] DEUTERONOMI. CAIB. I. nèamh, agus os barr (1), chunnaic sinn mic nan Anacim ’an sin. 29 ’An sin thubhairt mi ribh, Na biodh geilt oirbh, no eagal rompa. 30 An Tighearna bhur Dia a tha dol romhaibh, cogaidh esan air bhur son, a réir nan uile nithe a rinn e air bhur son ’san Eiphit fa chomhair bhur sùl, 31 Agus anns an fhàsach, far am faca tu cionnus a ghiùlain an Tighearna do Dhia thu, mar a ghiùlaineas duine a mhac, ’san t-slighe sin uile air an deachaidh sibh, gus an d’thàinig sibh do’n àite so. 32 Gidheadh ’san ni so cha do chreid sibh an Tighearna bhur Dia, 33 A dh’imich romhaibh ’san t-slighe a rannsachadh a mach àite dhuibh gus ar bùthan a shuidheachadh ann, ann an teine ’san oidhche a nochdadh dhuibh ciod an t-slighe air an imicheadh sibh, agus ann an neul ’san là. 34 Agus chual’ an Tighearna fuaim bhur briathra, agus bha corruich air, agus mhionnaich e, ag ràdh, 35 Gu cinnteach cha’n fhaic a h-aon do dhaoinibh (2) a’ ghinealaich uilc so am fearann math sin, a mhionnaich mise gu’n d’ thugainn d’ar n-aithreachaibh; 36 Saor o Chaleb mac Iephuneh; chi esan e, agus dhasan bheir mi am fearann air an do shaltair e, agus d’a chloinn, a chionn gu’n do lean e ’n Tighearna gu h-iomlan. 37 Mar an ceudna bha fearg aig an Tighearna riumsa air bhur sgàth, ag ràdh, Cha d’ théid thusa féin a steach ’an sin. 38 Ach Iosua mac Nun, a tha ’na sheasamh a’d’ làthair, théid esan a steach ’an sin. Thoir misneach dha: oir bheir e air Israel a shealbhachadh. 39 Agus bhur leanbana (3), a thubhairt sibh gu’m biodh iad ’nan creich, agus bhur clann (4) aig nach robh ’san là ud eòlas air math seach olc, théid iadsan a steach ’an sin, agus dhoibhsan bheir mi e, agus sealbhaichidh iad e. 40 Ach air bhur sonsa, pillibh, agus gabhaibh bhur turus do’n fhàsach, air slighe na mara ruaidhe. 41 ’An sin fhreagair sibh agus thubhairt sibh rium, Pheacaich sinn ’an aghaidh an Tighearna, théid sinn suas agus cogaidh sinn a réir nan uile nithe a dh’àithn an Tighearn ar Dia dhuinn. Agus chriosraich sibh oirbh gach fear agaibh airm chogaidh, agus bha sibh ullamh gu dol suas do’n t-sliabh. 42 Agus thubhairt an Tighearna rium, Abair riu, Na rachaibh suas, agus na cogaibh, oir cha ’n’eil mise ’nar measg; an t-eagal gu’m buailear (5) sibh ’an làthair bhur naimhdean. 43 Mar so labhair mi ribh, agus cha’n éisdeadh sibh, ach rinn sibh ceannairc ’an aghaidh àithne an Tighearna, agus chaidh sibh gu h-an-dàna suas do’n t-sliabh. 44 Agus thàinig na h-Amoraich, a bha chòmhnuidh ’san (1) a bhàrr air sin. (2) do dhaoinibh sin. Eabh. (3) clann bheag. (4) mic. Eabh. (5) gu’n leagar. [TD 302] DEUTERONOMI. CAIB. II. t-sliabh sin, a mach ’nar n-aghaidh, agus ruag iad sibh mar a ni beachan, agus chuir iad as duibh ann an Seir, eadhon gu Hormah. 45 Agus phill sibh, agus ghuil sibh ’an làthair an Tighearna; ach cha ’n éisdeadh an Tighearna r’ar guth, agus cha d’thugadh e cluas duibh. 46 Mar sin dh’fhan sibh ann an Cades mòran laithean, a réir nan laithean a dh’fhan sibh ’an sin. CAIB. II. ’AN sin phill sinn, agus ghabh sinn ar turus do’n fhàsach, air slighe na mara ruaidhe, mar a labhair an Tighearna riumsa; agus chuairtich sinn sliabh Sheir mòran laithean. 2 Agus labhair an Tighearna rium, ag ràdh, 3 Chuairtich sibh an sliabh so fada gu leòr: pillibh re tuath. 4 Agus àithn thusa do’n t-sluagh, ag ràdh, Tha sibh gu dol tre chrìch bhur bràithre cloinn Esau, a ta chòmhnuidh ann an Seir, agus bithidh eagal orra romhaibh: ach thugaibh aire mhath dhuibh féin. 5 Na beanaibh riu (1); oir cha d’thoir mi bheag d’am fearann duibh, cha d’ thoir uiread leud troidhe, a chionn gu’n d’thug mi sliabh Sheir a dh’Esau mar sheilbh. 6 Ceannachaidh sibh biadh uatha le h-airgiod, a chum gu’n ith sibh; agus mar an ceudna ceannachaidh sibh uisge uatha le h-airgiod, a chum gu’n òl sibh. 7 Oir bheannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile oibribh do làimh: is aithne dha do thriall tre ’n fhàsach mhòr so: rè an dà-fhichead bhliadhna so bha ’n Tighearna do Dhia maille riut, cha robh uireasbhuidh ni sam bith ort. 8 Agus an uair a chaidh sinn seachad o’r bràithribh cloinn Esau, a bha chòmhnuidh ann an Seir, tre shlighe a’ chòmhnaird o Elat, agus o Esiongaber, phill sinn agus chaidh sinn seachad air slighe fàsaich Mhoaib. 9 Agus thubhairt an Tighearna rium, Na buin gu naimhdeil ris na Moabaich (2), agus na dean stri’ riu ann an cath: oir cha d’thoir mi dhuit a’ bheag d’am fearann mar sheilbh, a chionn gu’n d’ thug mi Ar do chloinn Lot mar sheilbh. 10 Bha na h-Emich roimhe a chòmhnuidh ann, sluagh mòr, agus lìonmhor, agus ard mar na h-Anacim; 11 A mheasadh mar an ceudna ’nam famhairean (3) mar na h-Anacim, ach thug na Moabaich Emich mar ainm orra. 12 Bha mar an ceudna na Horaich a chòmhnuidh roimhe sin ann an Seir, ach thàinig clann Esau ’nan déigh, agus chuir iad as doibh as an sealladh, agus ghabh iad còmhnuidh ’nan àite, mar a rinn Israel re fearann a sheilbh-san, a thug an Tighearna dhoibh. 13 A nis éiribh suas, thubhairt mise, agus rachaibh thar sruth Shered; agus chaidh sinn thar sruth Shered. 14 Agus b’i ’n ùin anns an d’thàinig sinn o Chades-barnea, gus an deachaidh sinn thar sruth (1) Na cogaibh riu. (2) Na dean tuair eigneadh air na Moabich. (3) athaich, curaidhean. [TD 303] DEUTERONOMI. CAIB. II. Shered, ochd bliadhna deug thar fhichead; gus an robh ginealach an t-sluaigh-chogaidh uile air an caitheamh a mach o mheasg an t-slòigh (1), mar a mhionnaich an Tighearna dhoibh. 15 Oir da rìreadh bha làmh an Tighearna ’nan aghaidh, gu’n sgrios o mheasg an t-slòigh, gus an do chlaoidheadh iad. 16 Agus tharla, ’nuair a bha na fir-chogaidh uile air an claoidh agus air bàsachadh o mheasg an t-sluaigh, 17 Gu’n do labhair an Tighearna rium, ag ràdh, 18 Tha thu gu dol thairis an diugh tre Ar, crìoch Mhoaib. 19 Agus an uair a thig thu ’m fagus thall fa chomhair chloinn Amoin, na buin gu naimhdeil riu, ni mò a bheanas tu riu: oir cha d’thoir mi dhuit sealbh sam bith do fhearann chloinn Amoin, a chionn gu’n d’thug mi e do chloinn Lot mar sheilbh. 20 (Mheasadh sin mar an ceudna ’na fhearann fhamhairean; ghabh famhairean còmhnuidh ann ’san t-sean aimsir, agus thug na h-Amonaich Samsumaich mar ainm orra, 21 Sluagh mòr agus lìonmhor, agus ard mar na h-Anacim; ach sgrios an Tighearna iad rompa, agus thàinig iad ’nan déigh, agus ghabh iad còmhnuidh ’nan àite: 22 Mar a rinn e re cloinn Esau a bha chòmhnuidh ann an Seir, an uair a sgrios e na Horaich rompa, agus thàinig iad ’nan déigh, agus ghabh iad còmhnuidh ’nan àite eadhon gus an là ’n diugh: 23 Agus na Habhaich a bha chòmhnuidh ann an Haserim, eadhon gu Hadsah, sgrios na Caphtoraich a thàinig a mach a Caphtor iad, agus ghabh iad còmhnuidh ’nan àite) 24 Eiribh suas, gabhaibh bhur turus, agus rachaibh thar sruth (2) Arnoin: feuch, thug mi do d’ làimh Sihon an t-Amorach righ Hesboin, agus fhearann: tòisich air a shealbhachadh, agus dean strì’ ris ann an cath. 25 Air an là ’n diugh tòisichidh mi air t’uamhann-sa agus t’eagal a chur air na cinnich a ta fuidh nèamh uile, a chluinneas iomradh ort; agus criothnaichidh iad, agus bithidh cràdh (3) orra a’d’ làthair. 26 Agus chuir mi teachdairean a fàsach Chedemot gu Sihon righ Hesboin, le briathraibh sìth, ag ràdh, 27 Leig dhomh gabhail troimh t’fhearann: imichidh mi romham air an rathad mhòr, cha tionndaidh mi aon chuid a chum na làimhe deise, no chum na làimhe clìthe. 28 Biadh air son airgid reicidh tu rium, a chum as gu’n ith mi, agus uisge air son airgid bheir thu dhomh, a chum as gu’n òl mi; a mhàin imichidh mi romham do m’ chois: 29 (Mar a rinn clann Esau rium, a tha chòmhnuidh ann an Seir, agus na Moabaich a tha chòmhnuidh ann an Ar) gus an d’théid mi thar Iordan do’n fhearann a tha ’n Tighearn ar Dia toirt duinn. 30 Ach cha leigeadh Sihon righ Hesboin leinn dol troimh fhearann: oir chruadhaich an Tighearna do Dhia a spiorad, (1) a’ champa. Eabh. (2) abhuinn. (3) àmhghar, iomghuin. [TD 304] DEUTERONOMI. CAIB. III. agus rinn e chridhe rag (1), a chum gu’n d’thugadh e thairis e do d’ làimh, mar a chithear air an là ’n diugh. 31 Agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, thòisich mi air Sihon agus fhearann a thoirt thairis a’d’ fhianuis: gabh sealbh (2), a chum as gu’m bi fhearann agad mar oighreachd. 32 ’An sin thàinig Sihon a mach ’nar n-aghaidh, e féin, agus a shluagh uile, a chogadh aig Tahas. 33 Agus thug an Tighearna ar Dia thairis e romhainn, agus bhuail sinn e féin, agus a mhic, agus a shluagh uile. 34 Agus ghlac sinn a bhailtean (3) uile ’san àm sin, agus sgrios sinn gu tur fir, agus mnài, agus clann bheag gach baile; cha d’fhàg sinn a h-aon a làthair (4): 35 A mhàin ghabh sinn duinn féin an spréidh mar chobhartach, agus creach nam bailtean a ghlac sinn. 36 O Aroer, a ta air bruaich shruth Arnoin, agus o’n bhaile a ta làimh rìs an t-sruth, eadhon gu Gilead, cha robh aon bhaile tuille ’s làidir air ar son: thug an Tighearn ar Dia iad uile thairis duinn. 37 A mhàin gu fearann chloinn Amoin cha d’thàinig thu, no gu àite sam bith am fagus do shruth (5) Iaboic, no gus na bailtibh am measg nam beann, no gu àite sam bith a thoirmisg an Tighearn ar Dia dhuinn. CAIB. III. ’AN sin phill sinn, agus chaidh sinn suas air an t-slighe gu Basan: agus thàinig Og righ Bhasain a mach ’nar n-aghaidh, e féin agus a shluagh uile, gu cath aig Edrei. 2 Agus thubhairt an Tighearna riumsa, Na biodh eagal ort roimhe: air do d’ làimh-sa bheir mise thairis e féin, agus a shluagh uile, agus fhearann, agus ni thu ris mar a rinn thu re Sihon righ nan Amorach, a bha chòmhnuidh aig Hesbon. 3 Mar sin thug an Tighearn ar Dia thairis d’ar làimh-ne mar an ceudna Og righ Bhasain, agus a shluagh uile: agus bhuail sinn e gus nach d’fhàgadh a h-aon beo aige. 4 Agus ghlac sinn a bhailtean uile ’san àm sin, cha robh baile nach d’thug sinn uatha, tri fichead baile, dùthaich Argoib uile, rìoghachd Og ann am Basan. 5 Bha na bailte sin uile air an daingneachadh le balladh ard, le geataibh agus le crannaibh, a thuilleadh air bailtibh gun bhalla, ro-mhòran. 6 Agus sgrios sinn gu tur iad, mar a rinn sinn air Sihon righ Hesboin, a’ léir-sgrios fhear, bhan, agus cloinne gach baile. 7 Ach ghabh sinn an spréidh uile, agus creach nam bailte mar chobhartach dhuinn féin. 8 Agus thug sinn ’san àm sin a làimh dà righ nan Amorach, am fearann a ta air an taobh so do Iordan, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin: 9 (Thug na Sidonaich Sirion mar ainm air Hermon: agus thug na h-Amoraich Senir mar ainm air) (1) reasgach, do-lùbaidh. (2) tòisich, sealbhaich. Eabh. (3) a mhòr-bhailtean, a chaithrichean. (4) beò. (5) abhuinn. [TD 305] DEUTERONOMI. CAIB. III. 10 Bailtean a’ chòmhnaird (1) uile, agus Gilead uile, agus Basan uile, gu Salcha agus Edrei, bailtibh rìoghachd Og ann am Basan: 11 Oir bha Og righ Bhasain a mhàin a làthair do fhuigheall nam famhairean; feuch, a leaba, bu leabadh iaruinn i: nach ’eil i ann an Rabat chloinn Amoin? b’iad naoi làmh-choille a fad, agus ceithir làmha-coille a leud, a réir làimh-choille duine. 12 Agus am fearann so a shealbhaich sinn ’san àm sin, o Aroer a ta làimh re sruth Arnoin, agus leth sléibh Ghilead, agus a bhailte thug mi do na Reubenich, agus do na Gadaich. 13 Agus a’ chuid eile do Ghilead, agus Basan uile, eadhon rìoghachd Og, thug mi do leth-thréibh Mhanaseh; dùthaich Argoib uile, maille re Basan uile, d’an ainm (2) fearann nam famhairean. 14 Ghabh Iair mac Mhanaseh dùthaich Argoib uile gu crìochaibh Ghesuri, agus Mhaachati; agus thug e Basan-Habhot-Iair mar ainm oirre a réir ainme féin, gus an là’n diugh. 15 Agus thug mi Gilead do Mhachir. 16 Agus do na Reubenich, agus do na Gadaich, thug mi o Ghilead eadhon gu sruth Arnoin, leth a’ ghlinne, agus an t-iomall, eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin: 17 An còmhnard mar an ceudna, agus Iordan, agus a chrìocha, o Chineret eadhon gu muir a’ chòmhnaird, a’ mhuir shaillte, fuidh Asdot-pisgah a làimh na h-aird’ an ear. 18 Agus dh’àithn mi dhuibh ’san àm sin, ag ràdh, Thug an Tighearna bhur Dia dhuibh am fearann so r’a shealbhachadh: théid sibh a nunn fo’r n-armaibh roimh bhur bràithre clann Israeil, gach neach a ta foghainteach a chum cogaidh. 19 Ach fanaidh bhur mnài, agus bhur clann bheag, agus bhur spréidh (oir is aithne dhomh gu’m bheil mòran spréidh agaibh) ’nar bailtibh a thug mi dhuibh; 20 Gus an d’thoir an Tighearna fois d’ar bràithribh co mhath agus dhuibhse, agus gus an sealbhaich iadsan mar an ceudna am fearann a thug an Tighearna bhur Dia dhoibh an taobh thall do Iordan: agus ’an sin pillidh gach duine agaibh g’a sheilbh a thug mi dhuibh. 21 Agus dh’àithn mi do Iosua ’san àm sin, ag ràdh, Chunnaic do shùile na h-uile nithe a rinn an Tighearna bhur Dia ris an dà righ sin: mar sin ni an Tighearna ris na rioghachdaibh uile gus am bheil thu dol. 22 Cha bhi eagal oirbh rompa: oir cogaidh an Tighearna bhur Dia e féin air bhur son. 23 Agus ghuidh mi air an Tighearna ’san àm sin, ag ràdh, 24 O Thighearna Dhé, thòisich thu air do mhòrachd, agus do làmh chumhachdach a nochdadh do d’ òglach: oir cò an Dia air nèamh no air talamh, a’s urrainn a dheanamh a réir t’oibre-sa, agus a réir do chumhachd-sa? 25 Guidheam ort, leig dhomh dol thairis, agus am fearann (1) a’ chònaird. (2) d’an goirear. [TD 306] DEUTERONOMI. CAIB. IV. math sin fhaicinn a tha ’n taobh thall do Iordan, an sliabh math sin, agus Lebanon. 26 Ach bha fearg air an Tighearna rium air bhur son-sa, agus cha d’éisd e rium: agus thubhairt an Tighearna rium, Gu ma leòr leat e, na labhair ni’s mò rium mu’n chùis so. 27 Falbh suas gu mullach Phisgaih, agus tog suas do shùile ris an aird’ an iar, agus ris an airde tuath, agus ris an airde deas, agus ris an aird’ an ear, agus amhairc le d’shùilibh (1); oir cha d’théid thu thar Iordan so. 28 Ach thoir àithne do Iosua, agus thoir misneach dha, agus neartaich e: oir théid esan thairis roimh an t-sluagh so, agus bheir e orra am fearann sin a chi thusa, a shealbhachadh mar oighreachd. 29 Mar sin ghabh sinn còmhnuidh ’sa’ ghleann thall fa chomhair Bhet-peoir. CAIB. IV. A NIS uime sin éisd, O Israel, ris na reachdaibh, agus ris na breitheanais a tha mise a’ teagasg dhuibh a dheanamh, a chum as gu’m bi sibh beo, agus gu’n d’théid sibh a steach agus gu’n sealbhaich sibh am fearann a bheir an Tighearna Dia bhur n-aithreacha dhuibh. 2 Cha chuir sibh a’ bheag ris an fhocal a tha mise ag àithneadh dhuibh, ni mò a bheir sibh ni sam bith uaith, a chum as gu’n gleidh sibh àitheantan an Tighearna bhur Dé, a tha mise ag àithneadh dhuibh. 3 Chunnaic bhur sùile ciod a rinn an Tighearna thaobh Bhaal-peoir: oir na daoine sin uile a lean Baal-peor, sgrios an Tighearna bhur Dia iad as bhur measg. 4 Ach tha sibhse a lean ris an Tighearna bhur Dia, beo gach aon agaibh air an là’n diugh. 5 Feuch, theagaisg mi dhuibh reachdan agus breitheanais, eadhon mar a dh’àithn an Tighearna mo Dhia dhomh, a chum as gu’n deanadh sibhse mar sin anns an fhearann gus am bheil sibh a’ dol g’a shealbhachadh. 6 Uime sin gleidhibh agus deanaibh iad, oir is e so bhur gliocas agus bhur tuigse ann an sealladh nan cinneach, a chluinneas na reachda sin uile, agus a their, Gu cinnteach is sluagh glic agus tuigseach an cinneach mòr so. 7 Oir cia e an cinneach co mhòr, aig am bheil Dia am fagus doibh, mar a ta ’n Tighearna ar Dia-ne ’sna h-uile nithibh air son am bheil sinne a’ gairm air? 8 Agus cia an cinneach co mhòr, aig am bheil reachdan agus breitheanais co cheart ris an lagh so uile, a tha mise a’ cur romhaibh air an là ’n diugh? 9 A mhàin thoir an aire dhuit féin, agus gleidh t’anam gu dìchiollach, air eagal (2) gu’n di-chuimhnich thu na nithe sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gu’n dealaich iad re d’ chridhe uile laithean do bheatha: ach teagaisg iad do d’ mhic, agus do mhic do mhac: 10 Gu h-àraidh an là a sheas thu ’an làthair an Tighearna do Dhé ann an Horeb, an uair a thubhairt an Tighearna riumsa, Tionail thugam (3) an sluagh r’a (1) seall, beachdaich air. (2) an t-eagal. (3) chugam. [TD 307] DEUTERONOMI. CAIB. IV. chéile, agus bheir mi orra mo bhriathran a chluinntinn, a chum gu fòghlum iad eagal a ghabhail romham rè nan uile laithean a bhios iad beo air an talamh, agus gu’n teagaisg iad an clann. 11 Agus thàinig sibh am fagus, agus sheas sibh fuidh ’n t-sliabh (1); agus bha ’n sliabh a’ losgadh le teine gu meadhon nèimh, maille re duibhre, neoil, agus dubh dhorchadas. 12 Agus labhair an Tighearna ribh a meadhon an teine: chuala sibh guth nam briathra, ach coslas sam bith cha ’n fhaca sibh, a mhàin chuala sibh guth. 13 Agus chuir e ’n céill duibh a choi’-cheangal, a dh’àithn e dhuibh a choi’-lionadh, eadhon deich àitheanta, agus sgriobh e iad air dà chlàr chloiche. 14 Agus dh’àithn an Tighearna dhomhsa ’san àm sin, reachdan agus breitheanais a theagasg dhuibh, a chum gu ’n deanadh sibh iad anns an fhearann a théid sibh a nunn g’a shealbhachadh. 15 Thugaibh uime sin an aire mhath dhuibh féin (oir cha ’n fhaca sibh gné coslais sam bith anns an là air an do labhair an Tighearna ribh ann an Horeb, a meadhon an teine) 16 Air eagal gu’n truaill sibh sibh féin, agus gu’n dean sibh dhuibh féin dealbh snaidhte, coslas riochd air bith, coslas fir no mnà, 17 Coslas ainmhidh sam bith a tha air an talamh, coslas eoin sgiathaich air bith a dh’itealaicheas ’san athar, 18 Coslas ni sam bith a shnàigeas air an làr, coslas éisg air bith a tha ’sna h-uisgibh fuidh’n talamh; 19 Agus air eagal gu’n tog thu suas do shùile re nèamh, agus an uair a chi thu ghrian, agus a’ ghealach, agus na reulta, eadhon slòigh nèimh uile, gu’n tairngear thu gu cromadh sìos dhoibh, agus gu aoradh a dheanamh dhoibh, a roinn (3) an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a ta fuidh nèamh uile. 20 Ach ghabh an Tighearna sibhse, agus thug e mach sibh as an àmhuinn iaruinn, as an Eiphit, gu bhi ’nar sluagh air son oighreachd dha féin, mar air an là ’n diugh. 21 Agus bha fearg aig an Tighearna riumsa air bhur son-sa (4), agus mhionnaich e nach rachainn thar Iordan, agus nach rachainn a steach do’n fhearann mhath sin a tha ’n Tighearna do Dhia a’ toirt duit mar oighreachd. 22 Ach is éigin domh bàs fhaghail ’san fhearann so, cha d’théid mi thar Iordan; ach théid sibhse nunn, agus sealbhaichidh sibh am fearann math sin. 23 Thugaibh an aire dhuibh féin, air eagal gu’n di-chuimhnich sibh coi’-cheangal an Tighearna bhur Dé, a rinn e ribh, agus gu’n dean sibh dhuibh féin dealbh snaidhte, coslas ni air bith a thoirmisg an Tighearna do Dhia dhuit: 24 Oir is teine dian-loisgeach an Tighearna do Dhia; is Dia eudmhor e. 25 ’Nuair a ghineas tu clann, (1) fuidh ’n bheinn. (3) a phàirtich, a thug. (4) air son bhur briathra-sa. Eabh. [TD 308] DEUTERONOMI. CAIB. V. agus clann cloinne, agus a dh’fhanas sibh fada ’san fhearann, agus a thruailleas sibh sibh féin, agus a ni sibh dealbh snaidhte, coslas ni sam bith, agus a ni sibh olc ann an sealladh an Tighearna do Dhé, agus a bhrosnaicheas sibh e gu feirg: 26 Gairmeam nèamh agus talamh mar fhianuis ’nar n-aghaidh air an là ’n diugh, gu’n d’thig lèir-sgrios oirbh gu h-aithghearr as an fhearann a chum am bheil sibh dol thar Iordan g’a shealbhachadh: cha bhuanaich sibh bhur làithean air, ach sgriosar sibh gu tur. 27 Agus sgapaidh an Tighearna sibh am measg nan cinneach, agus fàgar sibh tearc ’an àireamh am measg nan cinneach, far an d’thoir an Tighearna sibh. 28 Agus ’an sin ni sibh seirbhis do dhéibh, obair làmha dhaoine, fiodh agus clach, nach faic, agus nach cluinn, agus nach ith, agus nach gabh fàile. 29 Ach ma dh’iarras tu ’n Tighearna do Dhia as sin, amaisidh tu air, ma dh’iarras tu e le d’ uile chridhe agus le d’ uile anam. 30 ’Nuair a bhios tu ann an àmhghar, agus a thig na nithe sin uile ort ’sna laithibh deireannach, ma philleas tu chum an Tighearna do Dhé, agus ma bhios tu ùmhal d’a ghuth; 31 (Oir is Dia tròcaireach an Tighearna do Dhia-sa) cha tréig e thu, ni mò a sgriosas e thu, no dhi-chuimhnicheas e coi’-cheangal t’aithreacha, a mhionnaich e dhoibh. 32 Oir fiosraich a nis do na laithibh a chaidh seachad, a bha romhad, o’n là air an do chruthaich Dia an duine air an talamh, agus fiosraich o aon iomall do nèamh gus an t-iomall eile, an robh riamh ni sam bith ann mar an ni mòr so, no’n cualas ni cosmhuil ris? 33 An cuala sluagh sam bith guth Dhé a’ labhairt a meadhon an teine, mar a chuala tusa, agus an do mhair iad beo? 34 No ’n d’fheuch Dia (1) re dol gu cinneach a ghabhail da féin o mheasg cinnich eile, le deuchainnibh (2), le comharaibh, agus le h-iongantasaibh, agus le cogadh, agus le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte mach, agus le h-uamhasaibh mòra, a réir nan uile nithe a rinn an Tighearna bhur Dia air bhur son ’san Eiphit fa chomhair bhur sùl? 35 Dhuitse nochdadh e, chum gu’m biodh fios agad gur e ’n Tighearn a’s Dia ann; cha ’n’eil ann ach e. 36 A nèamh thug e ort a ghuth a chluinntinn, a chum gu’n teagaisgeadh e thu: agus air talamh nochd e dhuit a theine mòr, agus chuala tu a bhriathran a meadhon an teine. 37 Agus a chionn gu’n do ghràdhaich e t’aithreacha, uime sin thagh e an sliochd ’nan déigh, agus thug e thusa mach ’na shealladh, le chumhachd mòr, as an Eiphit: 38 A dh’fhuadachadh a mach chinneach romhad, a’s mò agus a’s cumhachdaiche na thusa, g’ad thoirt-sa stigh a thabhairt dhuit am fearainn ’na oighreachd, mar air an là ’n diugh. (1) Dia sam bith. (2) buairibh. [TD 309] DEUTERONOMI. CAIB. V. 39 Biodh agad fios uime sin an diugh, agus thoir fa’near ann do chridhe, gur e ’n Tighearn a’s Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a bhos (1): cha ’n’eil ann ach e. 40 Gleidhidh tu uime sin a reachdan, agus àitheantan a tha mise ag àithneadh dhuit an diugh, a chum gu’n éirich gu math dhuit, agus do d’ chloinn a’d’ dhéigh, agus a chum gu ’m buanaich thu do laithean air an fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhuit gu bràth. 41 ’An sin chuir Maois air leth tri bailtean air an taobh so do Iordan, leth re éirigh na gréine: 42 A chum as gu’n teicheadh am marbhaiche ’an sin, a mharbh a choimhearsnach gun fhios da, agus gun fhuath aige dha ’san aimsir a chaidh seachad; agus gu’n teicheadh e gu h-aon do na bailtibh sin, agus gu maireadh e beo; 43 Eadhon Beser ’san fhàsach, ann an dùthaich a’ chòmhnaird (2), do na Reubenich; agus Ramot ann an Gilead, do na Gadaich; agus Golan ann am Basan, do na Manasaich. 44 Agus is e so an lagh a chuir Maois roimh chloinn Israeil. 45 Is iad so na teisteis (3), agus na reachdan, agus na breitheanais, a labhair Maois re cloinn Israeil, an uair a thàinig iad a mach as an Eiphit, 46 Air an taobh so do Iordan ’sa’ ghleann thall fa chomhair Bhet-peoir, ann am fearann Shioin righ nan Amorach, a bha chòmhnuidh ann an Hesbon, a bhuail Maois agus clann Israeil, ’an déigh dhoibh teachd a mach as an Eiphit: 47 Agus shealbhaich iad fhearann agus fearann Og righ Bhasain, dà righ nan Amorach, a bha air an taobh so do Iordan, leth re éirigh na gréine; 48 O Aroer, a ta làimh re bruaich sruth Arnoin, eadhon gu sliabh Shihoin, a’s e Hermon, 49 Agus an còmhnard uile air an taobh so do Iordan a làimh na h-aird’ an ear, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, fuidh thobraichibh Phisgaih. CAIB. V. AGUS ghairm Maois air Israel uile, agus thubhairt e riu, Eisd, O Israel, ris na reachdaibh agus na breitheanais a labhras mi ’nar cluasaibh air an là’n diugh, a chum gu fòghlum (4) sibh iad, agus gu’n gleidh agus gu’n dean sibh iad. 2 Rinn an Tighearna ar Dia coi’-cheangal (5) ruinn ann an Horeb. 3 Cha d’rinn an Tighearn an coi’-cheangal so r’ar n-aithreachaibh, ach ruinne, eadhon ruinne a tha uile beo ’an so air an là’n diugh. 4 Aghaidh re h-aghaidh labhair an Tighearna ribh ’san t-sliabh, a meadhon an teine, 5 (Sheas mise eadar an Tighearn agus sibhse ’san àm sin, a nochdadh dhuibh focail an Tighearna: oir bha eagal oirbh roimh an teine, agus cha deachaidh sibh suas do’n t-sliabh) ag ràdh, (1) shìos. (2) anns an tìr réidh. (3) fianuisean. (4) gu’n ionnsuich. (5) cunradh, cùmhnant. [TD 310] DEUTERONOMI. CAIB. V. 6 Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a mach thusa a tìr na h-Eiphit, a tigh na daorsa (1). 7 Na biodh dée sam bith eile agad a’m’ fhianuis. 8 Na dean dhuit féin dealbh snaidhte (2) no coslas air bith ni sam bith a ta shuas air nèamh, no a ta shìos air an talamh, no a ta ’sna h-uisgeachaibh fuidh ’n talamh. 9 Na crom thu féin sìos doibh, agus na dean seirbhis (3) doibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantuinn aingidheachd nan aithreacha air a’ chloinn, agus air an treas agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi, 10 Agus a’ deanamh (4) tròcair air mhìltibh dhiubhsan a ghràdhaicheas mi agus a ghleidheas m’àitheanta. 11 Na tabhair ainm an Tighearna do Dhé ’an dìomhanas: oir cha mheas an Tighearna neo-chiontach esan a bheir ainm ’an dìomhanas. 12 Thoir an aire là na sàbaid a naomhachadh (5), mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhuit. 13 Sè làithean saothraichidh tu, agus ni thu t’obair uile: 14 Ach air an t-seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhé: air an là so cha dean thu obair sam bith, thu féin no do mhac, no do nighean, no t’òglach, no do bhan-oglach, no do dhamh, no t’asal, no aon air bith do d’ spréidh, no do choigreach a tha ’n taobh a stigh do d’ gheataibh; a chum as gu’n gabh t’òglach agus do bhan-oglach fois co mhath riut féin. 15 Agus cuimhnich gu’n robh thu féin a’d’ sheirbhiseach ann an tìr na h-Eiphit, agus gu’n d’thug an Tighearna do Dhia mach as sin thu, le làimh chumhachdaich agus le gairdean sìnte mach: uime sin dh’àithn an Tighearna do Dhia dhuit an t-sàbaid a choimhead (6). 16 Tabhair onoir (7) do t’ athair agus do d’ mhàthair, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhuit; a chum gu’m buanaichear do làithean, agus gu’n éirich gu math dhuit ’san fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhuit. 17 Na dean mortadh. 18 Ni mò a ni thu adhaltrannas. 19 Ni mò a ghoideas tu. 20 Ni mò a bheir thu fianuis bhréige ’an aghaidh do choi-mhearsnaich. 21 Ni mò a mhiannaicheas tu bean do choimhearsnaich, ni mò a shanntaicheas tu tigh do choimhearsnaich, fhearann, no òglach no bhan-oglach, no dhamh, no asal, no ni air bith a’s le do choimhearsnach. 22 Na briathra sin labhair an Tighearna r’ar coi’-thional uile ’san t-sliabh, a meadhon an teine, an neoil agus an dubh dhorchadais, le guth mòr; agus cha do chuir e tuille ris: agus sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche, agus thug e dhomhs’ iad. 23 Agus an uair a chuala sibh an guth a meadhon an dorchadais, agus an t-sléibh a’ losgadh (1) tigh nan tràillean. (2) gearrta, gràbhalta. (3) aoradh. (4) a’ nochdadh. (5) Coimhid là na sàbaid chum a naomhachadh. (6) a dheanamh. Eabh. (7) urram. [TD 311] DEUTERONOMI. CAIB. VI. le teine (1), ’an sin thàinig sibh am fagus domhsa, eadhon uile cheannardan bhur treubha, agus bhur seanairean, 24 Agus thubhairt sibh, Feuch, dh’fhoillsich an Tighearn ar Dia dhuinn a ghlòir, agus a mhòrachd, agus chuala sinn a ghuth a meadhon an teine: chunnaic sinn an diugh gu’n labhair Dia re duine, agus gu mair e beo. 25 A nis uime sin c’ar son a gheibheamaid bàs? oir loisgidh an teine mòr so sinn. Ma chluinneas sinn guth an Tighearn ar Dia tuilleadh, ’an sin bàsaichidh sinn. 26 Oir cò do’n uile fheoil a chuala guth an Dé bheo a’ labhairt a meadhon an teine (mar a rinn sinne) agus a mhair beo? 27 Theirigsa am fagus, agus éisd ris na h-uile nithibh a their an Tighearn ar Dia; agus labhair thusa ruinne gach ni a their an Tighearn ar Dia riut, agus éisdidh sinne ris agus ni sinn e. 28 Agus chual’ an Tighearna guth bhur briathra, ’nuair a labhair sibh rium: agus thubhairt an Tighearna rium, Chuala mi guth briathran an t-sluaigh so, a labhair iad riut: is math a thubhairt iad gach ni a labhair iad. 29 O gu’m biodh an gnè cridhe so annta, gu’m biodh m’eagals’ orra, agus gu’n gleidheadh iad m’àitheantan uile a ghnàth, a chum gu’n éireadh gu math dhoibh agus d’an cloinn gu bràth! 30 Imich, abair riu, Rachaibh d’ar bùthaibh a rìs. 31 Ach do d’ thaobhsa, seas ’an so làimh riumsa, agus labhraidh mi riut na h-àitheantan uile, agus na reachdan, agus na breitheanais a theagaisgeas tu dhoibh; a chum as gu’n dean siad iad anns an fhearann a tha mise a’ tabhairt dhoibh r’a shealbhachadh. 32 Bheir sibh an aire uime sin gu’n dean sibh mar a dh’àithn an Tighearna bhur Dia dhuibh: cha chlaon sibh a thaobh a chum na làimhe deise no clìthe. 33 Anns gach slighe a dh’àithn an Tighearna bhur Dia dhuibh gluaisidh sibh, a chum gu’m bi sibh beo, agus gu’n éirich gu math dhuibh, agus gu’m buanaich sibh bhur làithean anns an fhearann a shealbhaicheas sibh. CAIB. VI. A NIS is iad so na h-àitheantan, na reachdan, agus na breitheanais, a dh’àithn an Tighearna bhur Dia a theagasg dhuibh, a chum gu’n deanadh sibh iad ’san fhearann d’am bheil sibh a’ dol g’a shealbhachadh: 2 A chum gu’m biodh eagal an Tighearna do Dhé ort, gu’n gleidheadh tu a reachdan uile, agus àitheantan a tha mise ag àithneadh dhuit, thu féin, agus do mhac, agus mac do mhic uile làithean do bheatha, agus a chum gu’m buanaichear do làithean. 3 Eisd uime sin, O Israel, agus thoir an aire gu’n dean thu so, a chum gu’n éirich gu math dhuit, agus gu’m fàs sibh ro-lìonmhor, mar a gheall an Tighearna Dia t’aithreacha dhuit, (1) oir bha bheinn a’ losgadh le teine. [TD 312] DEUTERONOMI. CAIB. VII. ann am fearann a tha sruthadh le bainne agus mil. 4 Eisd, O Israel, An Tighearn ar Dia-ne, is aon Tighearn e. 5 Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia le d’uile chridhe, agus le d’ uile anam, agus le d’ uile neart. 6 Agus bithidh na briathra so, a tha mi ’g àithneadh dhuit an diugh, ann do chridhe. 7 Agus teagaisgidh tu iad (1) do d’ chloinn, agus labhraidh tu orra ’nuair a shuidheas tu a’d’ thigh, agus an uair a dh’imicheas tu air an t-slighe, agus an uair a luidheas tu sìos, agus an uair a dh’éireas tu suas. 8 Agus ceanglaidh tu iad mar chomhar air do làimh, agus bithidh iad mar eudanain eadar do shùilibh. 9 Agus sgrìobhaidh tu iad air ursainnibh do thighe, agus air do gheataibh. 10 Agus an uair a bheir an Tighearna do Dhia thu do’n fhearann a mhionnaich e do d’ aithreachaibh, do Abraham, do Isaac, agus do Iacob, gu’n d’thugadh e dhuit bailtean mòra agus matha nach do thog thu féin, 11 Agus tighean làn do gach ni math nach do lìon thu, agus tobraiche cladhaichte nach do chladhaich thu, fìon-liosan agus liosan-olaidh nach do shuidhich (2) thu, ’nuair a dh’itheas tu agus a bhios tu air do shàsachadh; 12 ’An sin thoir an aire air eagal gu’n di-chuimhnich thu an Tighearn a thug a mach thu a tìr na h-Eiphit, a tigh na daorsa. 13 Bithidh eagal an Tighearna do Dhé ort, agus ni thu seirbhis dha, agus mionnaichidh tu air ainm. 14 Cha d’théid sibh ’an déigh dhiathan (3) eile, do dhéibh an t-sluaigh a tha m’an cuairt oirbh: 15 (Oir tha ’n Tighearna do Dhia ’na Dhia eudmhor ’nar measg) an t-eagal gu’n las fearg an Tighearna do Dhé a’d’ aghaidh, agus gu’n sgrios e thu o aghaidh na talmhainn. 16 Cha bhrosnaich (4) sibh an Tighearna bhur Dia, mar a bhrosnaich sibh e ann am Masah. 17 Gleidhidh sibh gu dìchiollach àitheantan an Tighearna bhur Dé, agus a theisteis, agus a reachdan a dh’àithn e dhuit. 18 Agus ni thu an ni sin a ta ceart agus math ann an sealladh an Tighearna; a chum as gu’n éirich gu math dhuit, agus gu’n d’ théid thu steach, agus gu’n sealbhaich thu am fearann math a mhionnaich an Tighearna do t’aithreachaibh; 19 A thilgeadh a mach do naimhdean uile romhad, mar a labhair an Tighearna. 20 ’Nuair a dh’fhiosraicheas do mhac dhiot ’san aimsir re teachd, ag ràdh, Ciod is ciall do na teisteasaibh, agus do na reachdaibh, agus do na breitheanasaibh a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuibh? 21 ’An sin their thu re d’ mhac, Bha sinn ’nar tràillibh aig Pharaoh ’san Eiphit, agus thug an Tighearn a mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich. 22 Agus nochd an Tighearna comharan agus iongantasan (1) cuiridh tu ’n céill iad gu minic. (2) phlanndaich. (3) dhée. (4) bhuair. [TD 313] DEUTERONOMI. CAIB. VII. mòra agus doilgheasach san Eiphit, air Pharaoh, agus air a theaghlach uile, fa chomhair ar sùl; 23 Agus thug e mach sinn as sin, a chum gu’n d’thugadh e sinn a stigh, a thoirt dhuinn an fhearainn a mhionnaich e d’ar n-aithreachaibh. 24 Agus dh’àithn an Tighearna dhuinn na reachda sin uile a dheanamh, eagal an Tighearn ar Dé bhi oirn a chum ar maith a ghnàth, a chum gu’n gleidheadh e beo sinn, mar air an là’n diugh. 25 Agus bithidh e ’na fhìreantachd dhuinn, ma bheir sinn fa’near na h-àitheanta so uile dheanamh, ’an làthair an Tighearn ar Dé, mar a dh’àithn e dhuinn. CAIB. VII. ’NUAIR a bheir an Tighearna do Dhia thu stigh do’n fhearann a chum am bheil thu dol g’a shealbhachadh, agus a thilgeas e mach romhad mòran chinneach, na Hitich, agus na Girgasaich, agus na h-Amoraich, agus na Canaanaich, agus na Peridsich, agus na Hìbhich, agus na Iebusaich, seachd cinnich a’s mò agus a’s cumhachdaiche na thusa; 2 Agus an uair a bheir an Tighearna do Dhia iad thairis a’d’ làthair, buailidh tu iad, agus cuiridh tu gu tur as doibh; cha dean thu coi’-cheangal sam bith riu, ni mò a nochdas tu tròcair dhoibh: 3 Ni mò a ni thu cleamhnas (1) riu; do nighean cha d’thoir thu d’a mhac-san, ni mò a ghabhas tu a nighean-san do d’ mhac-sa. 4 Oir tionndaidh iad do mhac o mise a leantuinn, a chum gu’n dean iad seirbhis do dhéibh eile: mar sin lasaidh fearg an Tighearna ’nar n-aghaidh, agus sgriosaidh e thu gu h-obann. 5 Ach mar so buinidh sibh riu: sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan, agus loisgidh sibh an coslais shnaidhte le teine. 6 Oir is sluagh naomha do’n Tighearna do Dhia thusa: thagh an Tighearna do Dhia thu gu bhi d’ shluagh àraidh (2) dha féin, os cionn gach sluaigh a ta air aghaidh na talmhainn. 7 Cha do ghràdhaich an Tighearna sibh, ni mò a thagh e sibh a chionn gu’n robh sibh ni bu lìonmhoire na sluagh sam bith eile (oir is sibh bu teirce do gach uile shluagh) 8 Ach a chionn gu’n do ghràdhaich an Tighearna sibh, agus a chum gu’n gleidheadh e na mionnan a mhionnaich e d’ar n-aithreachaibh, thug an Tighearna mach sibh le làimh chumhachdaich, agus shaor e thu a tigh nan tràillean, a làimh Pharaoih righ na h-Eiphit. 9 Biodh fios agad uime sin an Tighearna do Dhia, gur esan Dia, an Dia fìrinneach, a chumas coi’-cheangal agus tròcair riu-san a ghràdhaicheas e, agus a ghleidheas àitheanta, gu mìle ginealach; 10 Agus a dhìolas orra-san (3) a dh’fhuathaicheas e, r’an eu- (1) ceanglaiche-pòsaidh. (2) sònruichte. (3) a chui’ticheas, a dh’ais-iocas dhoibhsan. [TD 314] DEUTERONOMI. CAIB. VII. dan, a chum an sgrios: cha dean e moille d’a thaobh-san aig am bheil fuath dha; dìolaidh e air r’a eudain. 11 Gleidhidh tu uime sin na h-àitheantan, agus na reachdan, agus na breitheanais, a tha mi ’g àithneadh dhuit an diugh a dheanamh. 12 Uime sin, ma dh’éisdeas sibh ris na breitheanais sin, agus ma choimhideas agus ma ni sibh iad; cumaidh an Tighearna do Dhia riutsa an coi’-cheangal agus an tròcair a mhionnaich e do d’ aithreachaibh. 13 Agus gràdhaichidh e thu, agus beannaichidh e thu, agus ni e lìonmhor thu: mar an ceudna beannaichidh e toradh do bhronn, agus toradh t’fhearainn, t’arbhar, agus t’fhìon, agus t’ola, fàs do chruidh, agus treuda do chaorach, ’san fhearann a mhionnaich e do d’ aithreachaibh a thabhairt duit. 14 Bithidh tu beannaichte os cionn gach sluaigh; cha bhi firionnach no bainionnach neo-thorrach ’nar measg, no measg bhur spréidhe. 15 Agus bheir an Tighearna uait gach eucail, agus cha chuir e ort a h-aon air bith do dhroch ghalaraibh na h-Eiphit (a’s aithne dhuit) ach cuiridh e iad orra-san uile le’m fuathach thu. 16 Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile a bheir an Tighearna do Dhia thairis dhuit; cha ghabh do shùil truas riu: ni mò a ni thu seirbhis d’an déibh, oir bithidh sin ’na ribe dhuit. 17 Ma their thu ann ad chridhe, Is mò na cinnich sin na mise, cionnus is urrainn mise an cur a seilbh? 18 Cha bhi eagal ort rompa: ach cuimhnichidh tu gu math ciod a rinn an Tighearna do Dhia re Pharaoh, agus ris na h-Eiphitich uile; 19 Na deuchainnean mòra a chunnaic do shùilean, agus na comharan, agus na h-iongantais, agus an làmh chumhachdach, agus an gairdean sìnte mach, leis an d’thug an Tighearna do Dhia mach thu: mar sin ni an Tighearna do Dhia ris an t-sluagh uile roimh am bheil eagal ort. 20 Os bàrr, cuiridh an Tighearna do Dhia an consbeach (1) ’nam measg, gus am bi iadsan a dh’fhàgar, agus a dh’fholaicheas iad féin o d’ ghnùis, air an sgrios. 21 Cha bhi uamhann ort rompa; oir tha ’n Tighearna do Dhia ’nar measg, Dia mòr, agus uamhasach. 22 Agus cuiridh an Tighearna do Dhia a mach na cinnich sin romhad a lìon beagan is beagan: cha ’n fheud thu an sgrios a dh’aon bheum, air eagal gu’m fàs fiadh-bheathaiche na machrach lìonmhor ort. 23 Ach bheir an Tighearna do Dhia iad thairis duit, agus sgriosaidh e iad le sgrios mòr, gus an cuirear as doibh. 24 Agus bheir e an rìghre thairis do d’ làimh, agus sgriosaidh tu an ainm o bhi fuidh nèamh: cha seas duine sam bith a’d’ aghaidh, gus an cuir thu as doibh. 25 Dealbhan snaidhte an dée (1) cearnabhan, eirc-bheach; hornet. Sasg. [TD 315] DEUTERONOMI. CAIB. VIII. loisgidh sibh le teine: cha mhiannaich thu ’n t-airgiod no ’n t-òr a ta orra (1), ni mò ghabhas tu e dhuit féin, an t-eagal gu’n ribear thu leis: oir is gràineileachd e do’n Tighearna do Dhia. 26 Ni mò bheir thu gràinealachd do d’ thigh, an t-eagal gu’m bi thu a’d’ ni mallaichte cosmhuil ris: ach bheir thu fuath iomlan da, agus gabhaidh tu gràin deth gu tur, oir is ni mallaichte e. CAIB. VIII. NA h-àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhuit an diugh, bheir sibh an aire gu’n dean sibh iad, a chum gu’m bi sibh beo, agus gu’m fàs sibh lìonmhor, agus gu’n d’théid sibh a stigh, agus gu’n sealbhaich sibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna d’ar n-aithreachaibh. 2 Agus cuimhnichidh tu an t-slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà fhichead bhliadhna so anns an fhàsach, gu d’ irioslachadh, gu d’ dhearbhadh, a chum gu’m biodh fios (2) ciod a bh’ann ad chridhe, an gleidheadh tu àitheanta no nach gleidheadh. 3 Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort ocras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (ni nach b’aithne dhuit féin, ni mò a b’aithne do d’aithreachaibh e) a chum gu’n d’ thugadh e ort fios a bhi agad nach ann le h-aran a mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach focal a thig a mach a beul an Tighearna bithidh duine beo. 4 Cha do chaitheadh t’eudach dhìot le h-aois (3), ni mò a dh’at do chos rè an dà fhichead bhliadhna-sa. 5 Bheir thu mar an ceudna fa’near ann ad chridhe, mar a smachdaicheas duine a mhac, gur ann mar sin a tha ’n Tighearna do Dhia ’g ad smachdachadh-sa. 6 Uime sin gleidhidh tu àitheantan an Tighearna do Dhé, a chum gu’n gluais thu ’na shlighibh, agus gu’m bi eagal-san ort. 7 Oir tha ’n Tighearna do Dhia ’gad thabhairt gu fearann math, fearann shruthan uisgeacha, thobraichean, agus dhoimhneachdan a tha ’g éirigh suas air feadh ghleann agus air feadh bheann, 8 Fearann cruithneachd, agus eorna, agus fhìonainean, agus chraobhan fìgis, agus phomgranat (4), fearann ola na craoibh-ola, agus meala, 9 Fearann anns an ith thu aran gun ghoinne, cha bhi uireasbhuidh ni sam bidh ort ann, fearann aig am bheil a chlachan ’nan iarunn (5), agus as a bheanntaibh cladhaichear umha. 10 ’Nuair a dh’itheas tu agus a shàsuichear thu, ’an sin beannaichidh tu ’n Tighearna do Dhia air son an fhearainn mhaith a thug e dhuit. 11 Thoir an aire nach di-chuimhnich thu ’n Tighearna do Dhia, air chor as nach gleidh thu àitheantan, agus a bhreitheanais, agus a reachdan, a tha mise ag àithneadh dhuit an diugh: 12 Air eagal an uair a dh’itheas tu, agus a shàsuichear thu, (1) annta. (2) a dheanamh aithnichte, a leigeadh ris. (3) cha d’fhàs t-eudach sean ort. (4) ghran-abhal. (5) aig an tairngear iarunn a chlachaibh. [TD 316] DEUTERONOMI. CAIB. IX. agus a thogas tu tighean matha, agus a chòmhnuicheas tu annta; 13 Agus a dh’fhàsas do bhuar (1) agus do chaoraich, agus a mheudaichear t’airgiod agus t’òr, agus a mheudaichear gach ni a ta agad; 14 Gu’m bi ’an sin do chridhe air a thogail suas, agus gu’n di-chuimhnich thu ’n Tighearna do Dhia a thug a mach thu a tìr na h-Eiphit, agus a tigh na daorsa; 15 A threòraich thu tre ’n fhàsach mhòr agus uamhasach sin, far an robh naithreacha loisgeach, agus scorpiona, agus ionada tartmhor, far nach robh uisge; a thug a mach dhuit uisge as a’ charraig ailbhinn; 16 A bheathaich thu ’san fhàsach le mana, nach b’aithne do t’aithreachaibh, a chum gu’n irioslaicheadh e thu, agus gu’n dearbhadh e thu, a dheanamh maith dhuit ann ad laithibh deireannach; 17 Agus gu’n abair thu ann ad chridhe, Fhuair mo chumhachd agus neart mo làimhe an saibhreas so dhomh. 18 Ach cuimhnichidh tu ’n Tighearna do Dhia: oir is esan a bheir comas dhuit beartas fhaghail, a chum as gu’n daingnich e a choi’-cheangal a mhionnaich e do t’aithreachaibh, mar air an là’n diugh. 19 Agus tarlaidh, ma dhi-chuimhnicheas tu air chor sam bith an Tighearna do Dhia, agus gu’n gluais thu ’an déigh dhiathan eile, agus gu’n dean thu seirbhis doibh, agus gu’n dean thu aoradh dhoibh, tha mi toirt fianuis ’nar n-aghaidh an diugh, gu’n sgriosar gu tur sibh. 20 Mar na cinnich a tha ’n Tighearn a’ sgrios roimh bhur gnùis, is amhuil sin a théid as duibhse; a chionn nach b’àill leibh bhi ùmhal do ghuth an Tighearna bhur Dé. CAIB. IX. EISD, O Israel: tha thu gu gabhail thar Iordan an diugh, gu dol a steach a shealbhachadh chinneach a’s mò agus a’s treise na thu féin, bailtean mòra agus daingnichte suas gu nèamh, 2 Sluagh mòr agus ard (2), clann nan Anacim, a’s aithne dhuit, agus m’an cual’ thu air a ràdh, Cò is urrainn seasamh roimh chloinn Anaic? 3 Uime sin tuig thusa an diugh, gur e ’n Tighearna do Dhia an ti a théid thairis romhad ’na theine caithteach (3): cuiridh esan as doibh, agus cuiridh e sìos iad a’d’ fhianuis: mar sin fògraidh tu mach iad, agus sgriosaidh tu iad gu grad, mar a thubhairt an Tighearna riut. 4 Na labhair ann do chridhe, ’an déigh do’n Tighearna do Dhia an tilgeadh a mach romhad, ag ràdh, Air son m’fhìreantachd féin thug an Tighearna steach mi a shealbhachadh an fhearainn so: ach air son aingidheachd nan cinneach sin tha ’n Tighearna ’g am fògradh a mach o’d’ làthair. 5 Cha ’n ann air son t’fhìreantachd, no air son ionracais do chridhe tha thu dol a shealbhachadh am fearainn; ach air son aingidheachd nan cinneach (1) chrodh. (2) barrachdail. (3) dian-loisgeach. [TD 317] DEUTERONOMI. CAIB. IX. sin tha ’n Tighearna do Dhia ’g am fògradh a mach o d’ làthair-sa, agus a chum gu’n coi’-lion e ’m focal a mhionnaich an Tighearna do t’aithreachaibh, Abraham, Isaac, agus Iacob. 6 Tuig uime sin nach ann air son t’fhìreantachd-sa a tha’n Tighearna do Dhia a’ toirt duit an fhearainn mhaith so r’a shealbhachadh; oir is sluagh rag-mhuinealach thu. 7 Cuimhnich, na di-chuimhnich cionnus a bhrosnaich thu ’n Tighearna do Dhia gu feirg ’san fhàsach: o’n là ’san deachaidh tu mach a tìr na h-Eiphit, gus an d’thàinig sibh do’n àite so, bha sibh ceannairceach ’an aghaidh an Tighearna. 8 Mar an ceudna ann an Horeb bhrosnaich sibh an Tighearna gu feirg, air chor as gu’n robh corruich air an Tighearna ribh a chum bhur sgrios. 9 ’Nuair a chaidh mise suas do’n t-sliabh a ghabhail nan clàr chloiche, eadhon chlàr a’ choi’-cheangail a rinn an Tighearna ribh, ’an sin dh’fhan mi ’san t-sliabh dà fhichead là agus dà fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, ni mò a dh’òl mi uisge: 10 Agus thug an Tighearna dhomh dà chlàr chloiche sgrìobhta le meur Dhé; agus orra bha sgrìobhta réir nan uile bhriathran a labhair an Tighearna ribh ’san t-sliabh, a meadhon an teine, ann an là a’ cho’-chruinnich. 11 Agus tharladh ’an ceann dhà fichead là agus dhà fhichead oidhche, gu’n d’thug an Tighearna dhomhs’ an dà chlàr chloiche, eadhon clàir a’ choi’-cheangail. 12 Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich sìos gu luath as so; oir thruaill do shluagh a thug thu mach as an Eiphit iad féin: chlaon iad gu grad o’n t-slighe a dh’àithn mise dhoibh; rinn iad dhoibh féin dealbh leaghta. 13 A bhàrr air so, labhair an Tighearna rium, ag ràdh, Chunnaic mi an sluagh so, agus feuch, is sluagh rag-mhuinealach iad. 14 Leig dhomh, a chum as gu’n sgrios mi iad, agus gu’n dubh mi mach an ainm o bhi fuidh nèamh: agus ni mi dhìot-sa cinneach a’s cumhachdaiche agus a’s mò na iadsan. 15 Mar sin phill mi, agus thàinig mi nuas o’n t-sliabh, agus bha ’n sliabh a’ losgadh le teine: agus bha dà chlàr a’ choi’-cheangail a’m’ dhà làimh. 16 Agus dh’amhairc mi, agus feuch, bha sibh air pcacachadh (1) ’an aghaidh an Tighearna bhur Dé, rinn sibh laogh leaghta dhuibh féin: bha sibh air tionndadh a thaobh gu grad as an t-slighe a dh’àithn an Tighearna dhuibh. 17 Agus ghlac mi an dà chlàr, agus thilg mi as mo dhà làimh iad, agus bhris mi iad fa chomhair bhur sùl. 18 Agus thuit mi sìos (2) ’am fianuis an Tighearna, mar air tùs, dà fhichead là agus dà fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, ni mò dh’òl mi uisge, air son bhur peacannan uile a pheacaich sibh le olc dheanamh ann an sealladh an Tighearna, ’ga bhrosnachadh gu feirg. 19 (Oir bha eagal na feirg orm, agus na ro-chorruich leis an robh an Tighearna feargach (1) bha sibh ’an déigh peacachaidh. (2) dh’ìslich mi mi féin, rinn mi aoradh. [TD 318] DEUTERONOMI. CAIB. X. ’nar n-aghaidh-sa chum bhur sgrios.) Ach dh’éisd an Tighearna rium ’san àm sin mar an ceudna. 20 Agus bha ro-fhearg air an Tighearna re h-Aaron a chum a sgrios: agus rinn mi urnuigh mar an ceudna air son Aaroin ’san àm sin féin. 21 Agus ghabh mi bhur peacadh, an laogh a rinn sibh, agus loisg mi e le teine, agus phronn mi e, agus mheil mi gu mìn e, eadhon gus an d’rinneadh mìn e mar dhuslach: agus thilg mi a dhuslach (1) ’san t-sruth a thàinig a nuas o’n t-sliabh. 22 Agus aig Taberah, agus aig Masah, agus aig Cibrot-Hataabhah, bhrosnaich sibh an Tighearna gu feirg. 23 Mar an ceudna ’nuair a chuir an Tighearna sibh o Chades-barnea, ag ràdh, Rachaibh suas, agus sealbhaichibh am fearann a thug mise dhuibh; ’an sin rinn sibh ceannairc ’an aghaidh àithne an Tighearna bhur Dé, agus cha do chreid sibh e, ni mò a dh’éisd sibh r’a ghuth. 24 Bha sibh ceannairceach ’an aghaidh an Tighearna, o’n là a b’aithne dhomhsa sibh. 25 Mar so thuit mi sìos ’am fianuis an Tighearna dà fhichead là agus dà fhichead oidhche, mar a thuit mi sìos air tùs (2); a chionn gu’n dubhairt an Tighearna gu’n sgriosadh e sibh. 26 Uime sin rinn mi urnuigh ris an Tighearna, agus thubhairt mi, O Thighearna Dhé, na sgrios do shluagh féin, agus t’oighreachd, a shaor thu tre do mhòrachd, a thug thu mach as an Eiphit le làimh chumhachdaich. 27 Cuimhnich do sheirbhisich, Abraham, Isaac, agus Iacob; na h-amhairc air reasgachd an t-sluaigh so, no air an aingidheachd, no air am peacadh: 28 Air eagal gu’n abair am fearann as an d’thug thu mach sinn, A chionn nach b’urrainn an Tighearn an toirt a steach do’n fhearann a gheall e dhoibh, agus a chionn gu’n robh fuath aige dhoibh, thug e mach iad g’am marbhadh ’san fhàsach. 29 Gidheadh is iad do shluagh iad, agus t’oighreachd, a thug thu mach le d’ thréin neart, agus le d’ ghairdean sìnte mach. CAIB. X. ’SAN àm sin thubhairt an Tighearna rium, Snaidh dhuit féin dà chlàr chloiche cosmhuil ris na ceud chlàir, agus thig a nìos a’m’ ionnsuidh-sa do’n t-sliabh (3), agus dean dhuit àirc fhiodha. 2 Agus sgrìobhaidh mise air na clàir na focail a bh’air na ceud chlàir a bhris thu, agus cuiridh tu iad ’san àirc. 3 Agus rinn mi àirc do fhiodh sitim, agus shnaidh mi dà chlàr chloiche cosmhuil ris na ceud chlàir, agus chaidh mi suas do’n t-sliabh, agus an dà chlàr a’m’ làimh. 4 Agus sgrìobh e air na clàir a réir a’ cheud sgrìobhaidh, na deich àitheantan, a labhair an Tighearna ribh ’san t-sliabh, a meadhon an teine, ann an là a’ cho’-chruinnich: agus thug an Tighearn iad dhomhsa. (1) smùr. (2) anns an d’ìslich mi mi féin. (3) do’n bheinn. [TD 319] DEUTERONOMI. CAIB. X. 5 Agus phill mise, agus thàinig mi nuas o’n t-sliabh, agus chuir mi na clàir ’san àirc a rinn mi, agus ’an sin tha iad, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh. 6 Agus dh’imich clann Israeil o Bherot chloinn Iaacain gu Mosera: ’an sin fhuair Aaron bàs, agus dh’adhlaiceadh e ’n sin; agus fhritheil Eleasar a mhac ann an dreuchd an t-sagairt ’na àite. 7 As sin dh’imich iad gu Gudgodah, agus o Ghudgodah gu Iotbat, fearann shruthan (1) uisge. 8 ’San àm sin chuir an Tighearna air leth treubh Lebhi, a ghiùlan àirc coi’-cheangail (2) an Tighearna, a sheasamh ’an làthair an Tighearna gu frithealadh dha, agus a bheannachadh ’na ainm, gus an là’n diugh. 9 Uime sin cha ’n’eil aig Lebhi roinn no oighreachd maille r’a bhràithribh: is e ’n Tighearn a’s oighreachd dha, a réir mar a gheall an Tighearna do Dhia dha. 10 Agus dh’fhan mi ’san t-sliabh, a réir na ceud ùine (3), dà fhichead là agus dà fhichead oidhche, agus dh’éisd an Tighearna rium mar an ceudna ’san àm sin, agus cha bu toil leis an Tighearn thusa a sgrios. 11 Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich roimh ’n t-sluagh, a chum gu’n d’théid iad a steach, agus gu’n sealbhaich iad am fearann, a mhionnaich mi d’an aithreachaibh gu’n d’thugainn doibh. 12 Agus a nis, Israel, ciod a tha ’n Tighearna do Dhia ag iarraidh ort, ach eagal an Tighearna do Dhé a bhi ort, gluasad ’na uile shlighibh, agus a ghràdhachadh, agus seirbhis a dheanamh do’n Tighearna do Dhia le d’ uile chridhe agus le d’ uile anam; 13 Aitheantan an Tighearn a ghleidheadh, agus a reachdan, a tha mise ag àithneadh dhuit an diugh air son do leas? 14 Feuch, is leis an Tighearna do Dhia nèamh, agus nèamh nan nèamh, an talamh mar an ceudna agus gach ni a ta ann. 15 A mhàin bha tlachd aig (4) an Tighearn a’t’ aithreachaibh g’an gràdhachadh, agus thagh e ’n sliochd ’nan déigh, eadhon sibhse os cionn gach sluaigh, mar air an là’n diugh. 16 Timchioll-ghearraibh uime sin roimh-chroicionn bhur cridhe, agus na bithibh rag-mhuinealach ni’s mò. 17 Oir an Tighearna bhur Dia, is esan Dia nan Dia, agus Tighearna nan Tighearna, Dia mòr, cumhachdach, agus uamhasach, aig nach ’eil bàigh re neach seach a chéile, agus nach gabh duais (5). 18 Tha e cur ’an gnìomh breitheanais an dìlleachdain agus na bantraich, agus is toigh leis an coigreach, a’ toirt dha bìdh agus eudaich. 19 Uime sin gràdhaichidh sibh an coigreach; oir bha sibh féin ’nar coigrich ann an tìr na h-Eiphit. 20 Bithidh eagal an Tighearna do Dhé ort; dhasan ni thu seirbhis, agus ris-san dlùth-lean- (1) aibhnichean. (2) cunraidh. (3) laithean. Eabh. (4) ròghnuich. (5) ceannach. [TD 320] DEUTERONOMI. CAIB. XI. aidh tu, agus air ainm mionnaichidh tu. 21 Is esan do chliu, agus is esan do Dhia, a rinn air do shon na nithe mòr agus uamhasach ud a chunnaic do shùilean. 22 Le tri fichead agus deich anmanna (1) chaidh t’aithreacha sìos do’n Eiphit; agus a nis rinn an Tighearna do Dhia thu mar reulta néimh a thaobh lìonmhoireachd. CAIB. XI. AIR an aobhar sin gràdhaichidh tu ’n Tighearna do Dhia, agus gleidhidh tu a chùram (2), agus a reachdan, agus a bhreitheanais, agus àitheantan a ghnàth. 2 Agus biodh fios agaibhse an diugh: oir ni ’n labhram r’ar cloinn do nach b’aithne, agus nach faca smachdachadh an Tighearna bhur Dé, a mhòrachd, a làmh chumhachdach, agus a ghàirdean sìnte mach, 3 Agus a chomharan, agus a ghnìomharan, a rinn e ann am meadhon na h-Eiphit, re Pharaoh righ na h-Eiphit, agus r’a fhearann uile; 4 Agus ciod a rinn e re armailt nan Eiphiteach, r’an eich, agus r’an carbadaibh, cionnus a thug e air uisge na mara ruaidhe dol tharta ’nuair a bha iad ’an tòir oirbh, agus cionnus a sgrios an Tighearn iad gus an là’n diugh; 5 Agus ciod a rinn e dhuibh-se ’san fhàsach, gus an d’thàinig sibh do’n àite so; 6 Agus ciod a rinn e re Datan agus Abiram mic Eliaib, mhic Reubein; cionnus a dh’fhosgail an talamh a bheul, agus a shluig e sìos iad, agus an teaghlaichean, agus am bùthan, agus a’ mhaoin uile a bha ’nan seilbh, am meadhon Israeil uile. 7 Ach chunnaic bhur sùilean-sa gnìomhara mòra an Tighearn uile, a rinn e. 8 Uime sin gleidhidh sibh na h-àitheanta sin uile a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là’n diugh, a chum gu’m bi sibh làidir, agus gu’n d’théid sibh a stigh agus gu’n sealbhaich sibh am fearann gus am bheil sibh a’ dol g’a shealbhachadh; 9 Agus gu’m buanaich sibh bhur làithean anns an fhearann a mhionnaich an Tighearna d’ar n-aithreachaibh gu’n d’thugadh e dhoibh e, agus d’an sliochd, fearann a tha sruthadh le bainne agus mil. 10 Oir cha ’n’eil am fearann d’am bheil thu dol a stigh g’a shealbhachadh, mar fhearann na h-Eiphit o’n d’thàinig sibh a mach, far an robh thu cur do shìl, agus ’g a uisgeachadh le d’ chois, mar lios lusan (3): 11 Ach am fearann gus am bheil sibh a’ dol g’a shealbhachadh, is fearann bheann agus ghleann e: do fhrasachd (4) néimh òlaidh e uisge: 12 Fearann d’am bheil an Tighearna do Dhia a’ gabhail cùraim: tha sùilean an Tighearna do Dhé air a ghnàth, o thoiseach na bliadhna eadhon gu deire (4) na bliadhna. 13 Agus tarlaidh, ma dh’éisdeas sibh gu dùrachdach re m’ àitheantaibhs’ a tha mi ag àithn- (1) pearsanna. (2) a thaisgeach, na dh’earb e riut. (3) mar ghàradh lus. (4) sheurthuinn. (5) deireadh. [TD 321] DEUTERONOMI. CAIB. XI. eadh dhuibh air an là’n diugh, an Tighearna bhur Dia a ghràdhachadh, agus seirbhis a dheanamh dha le’r n-uile chridhe, agus le’r n-uile anam; 14 Gu’n d’thoir mise dhuibh uisge bhur fearainn ’na àm féin, an ceud uisge agus an t-uisge deireannach, agus cruinnichidh tu stigh t’arbhar, agus t’fhìon, agus t’ola. 15 Agus cuiridh mi feur a’d’ mhachair do d’ spréidh, agus ithidh tu agus sàsaichear thu. 16 Thugaibh an aire dhuibh féin, air eagal gu meallar bhur cridhe, agus gu’n claon sibh a leth-taobh, agus gu’n dean sibh seirbhis do dhéibh eile, agus gu’n dean sibh aoradh dhoibh: 17 Agus gu’n las fearg an Tighearna ’nar n-aghaidh, agus gu’n druid e suas nèamh air chor as nach bi uisge sam bith ann, agus nach d’thoir am fearann a thoradh uaith, agus gu’n sgriosar gu grad sibh as an fhearann mhath a tha ’n Tighearn a’ tabhairt duibh. 18 Uime sin taisgidh sibh suas iad so mo bhriathra ’nar cridhe agus ’nar n-anam, agus ceanglaidh sibh iad mar chomhar air bhur làimh; agus bithidh iad mar eudanain eadar bhur sùilibh. 19 Agus teagaisgidh sibh iad d’ar cloinn, a labhairt orra ’nuair a shuidheas tu a’d’ thigh, agus an uair a dh’imicheas tu air an t-slighe, agus an uair a luidheas tu sìos, agus an uair a dh’éireas tu suas. 20 Agus sgrìobhaidh tu iad air ursainnean doruis do thighe, agus air do gheataibh: 21 A chum as gu’m bi bhur laithean lìonmhor, agus laithean bhur cloinne, ’san fhearann a mhionnaich an Tighearna d’ar n-aithreachaibh a thoirt doibh, mar laithean nèimh air an talamh. 22 Oir ma ghleidheas sibh gu dùrachadh na h-àitheanta so uile a tha mise ag àithneadh dhuibh a dheanamh, an Tighearna bhur Dia a ghràdhachadh, gluasad ’na uile shlighibh, agus dlùth-leantuinn ris; 23 ’An sin tilgidh an Tighearn a mach na cinnich sin uile romhaibh, agus sealbhaichidh sibh cinnich a’s mò agus a’s cumhachdaiche na sibh féin. 24 Gach àit air an saltair buinn bhur cos, is libhse: o’n fhàsach, agus Lebanon, o’n abhuinn, an abhuinn Euphrates, eadhon gus an fhairge a’s faide mach, bithidh bhur crìoch. 25 Cha seas duine ’nar n-aghaidh: eagal agus geilt-chrith romhaibh cuiridh an Tighearna bhur Dia air gach fearann air an saltair sibh, a réir mar a thubhairt e ribh. 26 Feuch, tha mise a’ cur fa’r comhair air an là’n diugh beannachadh agus mallachadh: 27 Beannachadh, ma bheir sibh géill (1) a dh’àitheantaibh an Tighearna bhur Dé, a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là’n diugh; 28 Agus mallachadh, mur d’thoir sibh géill (2) a dh’àitheantaibh an Tighearna bhur Dé, ach gu’n claon sibh o’n t-slighe a tha mi ag àithneadh dhuibh an diugh, a dhol ’an déigh dhiathan eile nach b’aithne dhuibh. (1) bhios sibh ùmhal. (2) éisd sibh re. Eabh. [TD 322] DEUTERONOMI. CAIB. XII. 29 Agus tarlaidh, ’nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu stigh do’n fhearann d’am bheil thu dol g’a shealbhachadh, gu’n cuir thu am beannachadh air sliabh Gheridsim, agus am mallachadh air sliabh Ebail. 30 Nach ’eil iad air an taobh eile do Iordan, leth re slighe dol fuidhe na gréine, ann an tìr nan Canaanach, a tha ’g àiteachadh a’ chòmhnaird fa chomhair Ghilgail, làimh re còmhnardaibh (1) Mhoreh? 31 Oir théid sibh thar Iordan a dhol a stigh a shealbhachadh an fhearainn a tha ’n Tighearna bhur Dia a’ toirt duibh, agus sealbhaichidh sibh e, agus gabhaidh sibh còmhnuidh ann. 32 Agus bheir sibh an aire gu’n dean sibh na reachdan uile agus na breitheanais, a tha mi cur romhaibh air an là’n diugh. CAIB. XII. IS iad so na reachdan agus na breitheanais a bheir sibhse fa’near gu’n dean sibh ’san fhearann a tha ’n Tighearna, Dia t’aithreacha, a’ toirt duit g’a shealbhachadh, uile làithean bhur beatha air an talamh. 2 Léir-sgriosaidh sibh na h-àiteachan uile anns an d’rinn na cinnich a shealbhaicheas sibh seirbhis d’an déibh, air na beanntaibh arda, agus air na cnocaibh, agus fuidh gach craoibh ghlàis. 3 Agus leagaidh sibh sìos an altairean, agus brisidh sibh an caraighean (2), agus loisgidh sibh an doireachan le teine, agus gearraidh sibh sìos dealbhan snaidhte an dée, agus sgriosaidh sibh an ainm a mach as an àite sin. 4 Cha dean sibh mar sin ris an Tighearna bhur Dia. 5 Ach a dh’ionnsuidh an àite a ròghnaicheas an Tighearna bhur Dia as bhur treubhaibh uile, chum ainm a chur ’an sin, eadhon a dh’ionnsuidh àite-còmhnuidh-san iarraidh sibh, agus gu sin thig thu. 6 Agus bheir sibh gu sin bhur tabhartais-loisgte (3), agus bhur n-ìobairtean, agus bhur deachamh, agus tabhartais-thogta bhur làimh, agus bhur bòidean, agus bhur saor-thabhartais, agus ceud-ghin bhur cruidh agus bhur caorach. 7 Agus ithidh sibh ’an sin ’an làthair an Tighearna bhur Dé, agus ni sibh gairdeachas anns gach ni ris an cuir sibh bhur làmh, sibh féin agus bhur teaghlaichean, anns an do bheannaich an Tighearna do Dhia thu. 8 Cha dean sibh a réir nan uile nithe a tha sinn a’ deanamh ’an so an diugh, gach duine an ni a tha ceart ’na shùilibh féin. 9 Oir cha d’thàinig sibh fathast a dh’ionnsuidh na fois, agus a dh’ionnsuidh na h-oighreachd a tha ’n Tighearna bhur Dia a’ tabhairt duibh. 10 Ach an uair a théid sibh thar Iordan, agus a ghabhas sibh còmhnuidh ’san fhearann a bheir an Tighearna bhur Dia dhuibh r’a shealbhachadh, agus an uair a bheir e fois dhuibh o’r naimhdibh uile mu’n cuairt, agus a ghabhas sibh còmhnuidh gu teàruinte, 11 ’An sin bithidh àit ann a thaghas an Tighearna bhur Dia, a thoirt air ainm còmhnuidh a ghabhail ann; gu sin bheir sibh (1) réidhleanaibh; daragaibh. (2) dealbhan-cloiche. (3) ofrailean-loisgte. [TD 323] DEUTERONOMI. CAIB. XII. na h-uile nithe a tha mise ag àitheadh dhuibh; bhur tabhartais-loisgte, agus bhur n-ìobairte, bhur deachamh, agus tabhartais-thogta bhur làimh, agus taghadh bhur bòidean uile a bhòidicheas sibh do’n Tighearna. 12 Agus ni sibh gairdeachas ’an làthair an Tighearna bhur Dé, sibh féin, agus bhur mic, agus bhur nigheana, agus bhur n-òglaich, agus bhur ban-oglaich, agus an Lebhitheach a tha ’n taobh a stigh d’ar geataibh; do bhrìgh nach ’eil roinn no oighreachd aige maille ribh. 13 Thoir an aire dhuit féin nach ìobair (1) thu t’ìobairtean loisgte anns gach àit a chi sibh, 14 Ach anns an àit a thaghas an Tighearn as aon do d’ threubhaibh, ’an sin ìobraidh tu t’ìobairtean-loisgte, agus ’an sin ni thu na h-uile nithe a tha mise ag àithneadh dhuit. 15 Gidheadh, feudaidh tu feoil a mharbhadh agus itheadh a’d’ gheataibh uile, ge b’e ni air am bheil miann aig t’anam, a réir beannachaidh an Tighearna do Dhé a thug e dhuit: feudaidh an neo-ghlan agus an glan itheadh dheth; mar do’n bhoc-earba, agus do’n fhiadh. 16 A mhàin cha ’n ith sibh an fhuil; air an talamh dòirtidh sibh i mar uisge: 17 Cha ’n fheud thu deachamh t’arbhair itheadh an taobh a stigh do d’ gheataibh, no t’fhìona, no t’olaidh, no ceud-ghin do chruidh no do chaorach, no h-aon air bith do d’ bhòidibh a bhòidicheas tu, no do shaor-thabhartais, no tabhartais-thogta do làimh: 18 Ach ’an làthair an Tighearna do Dhé ithidh tu iad anns an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, thu féin, agus do mhac, agus do nighean, agus t’òglach, agus do bhan-oglach, agus an Lebhitheach a tha ’n taobh a stigh do d’ gheataibh: agus ni thu gairdeachas ’an làthair an Tighearna do Dhé anns gach ni ris an cuir thu do làmha. 19 Thoir an aire dhuit féin, nach tréig thu an Lebhitheach am feadh is beo thu air t’fhearann (2). 20 ’Nuair a leudaicheas an Tighearna do Dhia do chrìoch, mar a gheall e dhuit, agus a their thu, Ithidh mi feoil (a chionn gu bheil t’anam a’ miannachadh feoil itheadh) a réir uile mhiann t’anma feudaidh tu feoil itheadh. 21 Ma bhios an t-àit a thagh an Tighearna do Dhia a chur ainme ’an sin, ro-fhada uait; ’an sin marbhaidh tu do d’ bhuar, agus do d’ threud, a thug an Tighearna dhuit, mar a dh’àithn mise dhuit, agus ithidh tu an taobh a stigh do d’ gheataibh gach ni is miannach le t’anam. 22 Eadhon mar a dh’ithear an ruadh-bhoc, agus am fiadh, mar sin ithidh tu e: ithidh an neo-ghlan agus an glan deth air an aon dòigh: 23 A mhàin thoir an ro-aire nach ith thu ’n fhuil: oir is i ’n fhuil a’ bheatha; agus cha ’n fheud thu a’ bheatha itheadh maille ris an fheoil. 24 Cha ’n ith thu i; air an talamh dòirtidh tu i mar uisge. 25 Cha ’n ith thu i, chum gu’n éirich gu math dhuit, agus do d’ chloinn a’d’ dhéigh, ’nuair (1) ofrail, tiodhlaic, tairg. (2) rè do làithean uile air an talamh. [TD 324] DEUTERONOMI. CAIB. XIII. a ni thu an ni a ta ceart ann an sùilibh an Tighearna. 26 A mhàin gabhaidh tu do nithe naomha a tha agad, agus do bhòidean, agus théid thu do’n àit a thaghas an Tighearna: 27 Agus ìobraidh tu t’ìobairtean-loisgte, an fheoil agus an fhuil, air altair an Tighearna do Dhé; agus dòirtear a mach fuil t’ìobairtean air altair an Tighearna do Dhé, agus ithidh tu ’n fheoil. 28 Thoir an aire (1), agus éisd ris na briathraibh sin uile a tha mi ag àithneadh dhuit, a chum gu’n éirich gu math dhuit féin, agus do d’ chloinn a’d’ dhéigh gu bràth, an uair a ni thu an ni a tha math agus ceart ann an sùilibh an Tighearna do Dhé. 29 ’Nuair a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich romhad, a tha thu dol a steach ’an sud a chum an sealbhachadh, agus a thig thu ’nan àite, agus a ghabhas tu còmhnuidh ’nam fearann: 30 Thoir an aire dhuit féin nach ribear thu le’n leantuinn, ’an déigh dhoibh bhi air an sgrios as do làthair, agus nach fiosraich thu mu thimchioll an dée, ag ràdh, Cionnus a rinn na cinnich sin seirbhis d’an déibh? ni mise, mar sin mar an ceudna. 31 Cha dean thusa mar sin ris an Tighearna do Dhia: oir gach gràinealachd do’n Tighearn a’s fuathach leis, rinn iadsan d’an déibh; oir eadhon am mic agus an nigheana loisg iad ’san teine d’an déibh. 32 Gach ni a tha mise ag àithneadh dhuibh, thugaibh an aire gu’n dean sibh e: cha chuir thu ris, ni mò bheir thu ni sam bith uaith. CAIB. XIII. MA dh’éireas suas ’nar measg fàidh, no fear a chi aisling (2), agus gu’n d’thoir e dhuit comhara (3) no iongantas, 2 Agus gu’n d’thig an comhara no’n t-iongantas gu crìch, air an do labhair e riut, ag ràdh, Rachamaid ’an déigh dhiathan eile (nach b’aithne dhuit) agus deanamaid seirbhis doibh: 3 Cha ’n éisd thu re briathraibh an fhàidh sin, no ris an fhear sin a chi aisling: oir tha ’n Tighearna bhur Dia ’gar dearbhadh, a dh’fheuchainn am bheil sibh a’ gràdhachadh an Tighearna bhur Dé le’r n-uile chridhe, agus le’r n-uile anam. 4 ’An déigh an Tighearna bhur Dé gluaisidh sibh, agus bithidh eagal-san oirbh, agus gleidhidh sibh àitheantan, agus éisdidh sibh r’a ghuth, agus ni sibh seirbhis da, agus dlùth-leanaidh sibh ris. 5 Agus cuirear am fàidh sin, no am fear sin a chi aisling, gu bàs (a chionn gu’n do labhair e chum sibhse chur air seacharan o’n Tighearna bhur Dia, a thug a mach sibh a tìr na h-Eiphit, agus a dh’fhuasgail sibh a tigh na daorsa, chum t’iomain a mach (4) as an t-slighe anns an d’àithn an Tighearna do Dhia dhuit imeachd) mar sin cuiridh tu air falbh an t-olc as do mheadhon (5). 6 Ma chuireas do bhràthair, mac do mhàthar, no do mhac féin, no do nighean, no bean- (1) Gleidh. (2) a bhruadaireas bruadar. (3) sain-fhios. (4) do chur air seacharan. (5) as bhur measg. [TD 325] DEUTERONOMI. CAIB. XIV. phòsda t’uchd, no do charaid, a tha dhuit mar t’anam, impidh ort ann an uaigneas, ag ràdh, Rachamaid agus deanamaid seirbhis do dhéibh eile, (nach b’aithne dhuit féin, no do t’aithreachaibh; 7 Eadhon do dhéibh nan cinneach a tha mu’n cuairt oirbh, am fagus duit, no fada uait, o’n dara ceann do’n talamh eadhon gus an ceann eile do’n talamh) 8 Cha ’n aontaich thu leis, ni mò a dh’éisdeas tu ris; ni mò a ghabhas do shùil truas ris, ni mò a chaomhnas no cheileas tu e. 9 Ach cuiridh tu gu cinnteach gu bàs e; bithidh do làmh féin ’an tùs air g’a mharbhadh, agus ’an déigh sin làmh an t-sluaigh uile. 10 Agus clachaidh tu e le clachaibh, a chum gu’m bàsaich e: a chionn gu’n d’iarr e do tharruing (1) o’n Tighearna do Dhia, a thug a mach thu a tìr na h-Eiphit, a tigh na daorsa. 11 Agus cluinnidh Israel uile, agus bithidh eagal orra, agus cha dean iad ni’s mò a leithid so do ghnìomh aingidh ’nar measg. 12 Ma chluinneas tu ann an aon do d’ bhailtibh, a thug an Tighearna do Dhia dhuit gu còmhnuidh a ghabhail ann, neach air bith ag ràdh, 13 Chaidh daoine àraidh, clann Bhelial, a mach as bhur measg, agus bhuair (2) iad luchd-àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus deanamaid seirbhis do dhéibh eile (nach b’aithne dhuibh) 14 ’An sin fiosraichidh tu agus rannsaichidh tu, agus feòraichidh tu gu dùrachdach: agus feuch, ma’s fìrinn e, agus gu’m bheil a’ chùis deirbhte, gu’n do rinneadh a’ ghràineileachd sin ’nar measg; 15 Gu cinnteach buailidh tu luchd-àiteachaidh a’ bhaile sin le faobhar a’ chlaidheimh, ’ga sgrios gu tur, agus gach ni a ta ann, agus a spréidh, le faobhar a’ chlaidheimh. 16 Agus cruinnichidh tu a’ chreach (3) uile gu meadhon a shràide, agus loisgidh tu le teine am baile, agus a chreach uile gu h-iomlan, air son an Tighearna do Dhé: agus bithidh e ’na thòrr (4) a chaoidh; cha togar suas e ni’s mò. 17 Agus cha lean re d’ làimh-sa a’ bheag do’n ni mhallaichte; a chum gu’m pill an Tighearn o lasair fheirge, agus gu nochd e tròcair dhuit, agus gu’n dean e iochd riut, agus gu ’n d’thoir e ort fàs lìonmhor, mar a mhionnaich e do t’aithreachaibh; 18 ’Nuair a dh’éisdeas tu re guth an Tighearna do Dhé, a ghleidheadh àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhuit an diugh, a dheanamh an ni a ta ceart ann an sùilibh an Tighearna do Dhé. CAIB. XIV. IS sibhse clann an Tighearna bhur Dé: cha ghearr sibh sibh féin, ni mò a ni sibh lomadh air bith eadar bhur sùilean air son mairbh: 2 Oir is sluagh naomha thu do’n Tighearna do Dhia, agus thagh an Tighearn thu gu bhi a’d’ shluagh sònraichte dha féin, (1) do sgaradh, t’fhuadach. (2) tharruing, mheall. (3) spùinneadh. (4) ’na charn. [TD 326] DEUTERONOMI. CAIB. XIV. thar gach uile chinneach a tha air aghaidh na talmhainn. 3 Cha ’n ith thu ni gràineil sam bith. 4 Is iad so na beathaichean a dh’itheas sibh: an damh, a’ chaora, agus ghabhar, 5 Am fiadh, agus an ruadh-bhoc, agus an dathais (1), agus a’ ghabhar fhiadhaich, agus an t-earr-gheal (2), agus an damh fiadhaich, agus an somer (3). 6 Agus gach beathach a roinneas an ionga, agus a sgoilteas sgoltadh an dà iongan, agus a chnàmhas a’ chìr am measg nan ainmhidhean, sin ithidh sibh. 7 Gidheadh, iad so cha’n ith sibh, dhiubhsan a chnàmhas a’ chìr, no dhiubhsan a roinneas an ionga sgoilte, mar an càmhal, agus a’ mhaigheach, agus an coinean; oir cnàmhaidh iad a’ chìr, ach cha roinn iad an ionga: neo-ghlan tha iad dhuibh. 8 Agus a’ mhuc, a chionn ge do roinn i ’n ionga, nach cnàmh i a’ chìr, tha i neo-ghlan dhuibh: d’am feoil cha ’n ith sibh, agus r’an cairbh cha bhean sibh. 9 Iad so ithidh sibh dhiubhsan uile a ta ’sna h-uisgibh: gach ni air am bheil itean agus lannan, ithidh sibh; 10 Agus gach ni air nach ’eil itean agus lannan, cha’n ith sibh: tha e neo-ghlan dhuibh. 11 Gach eun glan ithidh sibh. 12 Ach is iad so iadsan do nach ith sibh: an iolair, agus an cnàimh-bhristeach, agus an iolair-uisge, 13 Agus an croman-gabhlach (4), agus an clamhan, agus am fang (5) a réir a ghnè, 14 Agus gach fitheach a réir a ghnè, 15 Agus a’ chailleach-oidhche, agus t-seabhag-oidhche, agus a’ chuach, agus an t-seabhag a réir a gné, 16 Agus a’ chailleach-oidhche bheag, agus a chailleach-oidhche mhòr, agus an eala, 17 Agus am pelican, agus an iolair fhionn, agus an sgarbh, 18 Agus a’ chorra-bhàn, agus a’ chorra-ghlas a réir a gnè, agus an t-adharcan-luachrach, agus an ialtag. 19 Agus tha gach ni snàigeach a dh’itealaicheas, neo-ghlan dhuibh: cha’n ithear iad. 20 Gach eun glan ithidh sibh. 21 Cha’n ith sibh ni sam bith a bhàsaicheas dheth féin (6): bheir thu e do’n choigreach a tha ’n taobh a stigh do d’ gheataibh (7), chum gu’n ith se e, no reic e ris an eilthireach (8): oir is sluagh naomha thu do’n Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar. 22 Bheir thu seachad gu ceart deachamh uile chinnis do shìl, a bheir am fearann uaith o bhliadhna gu bliadhna. 23 Agus ithidh tu ’m fianuis an Tighearna do Dhé, ’san àit a thaghas e chum ainm a chur ’an sin, deachamh t’arbhair, t’fhìona, agus t’ola, agus ceud-ghin do chruidh, agus do chaorach; a chum gu fòghlum thu eagal Tighearna do Dhé a bhi ort a ghnàth. 24 Agus ma bhios an t-slighe ro-fhada dhuit, air chor as nach urrainn thu a ghiùlan, a chionn an t-àite bhi fada uait, a thaghas (1) buabhul; iachmur. Eabh. (2) pigarg: dishon. Eabh. (3) Ierassa; chamois. Sasg. (4) raah. Eabh. (5) daiah. Eabh. (6) cairbh sam bith. (7) a tha ann do gheataibh. (8) fear dùthcha eile, allmharach, atharrach. [TD 327] DEUTERONOMI. CAIB. XV. an Tighearna do Dhia a chur ainme ’an sin, an uair a bheannaicheas an Tighearna do Dhia thu: 25 ’An sin ni thu airgiod deth, agus ceanglaidh tu suas an t-airgiod a’d’ làimh, agus théid thu chum an àit a thaghas an Tighearna do Dhia. 26 Agus bheir thu an t-airgiod sin air son gach ni a mhiannaicheas t’anam, air son buair (1), no air son chaorach, no air son fìona, no air son dibhe làidir no air son gach ni a mhiannaicheas t’anam: agus ithidh tu ’an sin ’an làthair an Tighearna do Dhé, agus ni thu gairdeachas, thu féin, agus do theaghlach. 27 Agus an Lebhitheach a tha ’n taobh a stigh do d’ gheataibh, cha tréig thu e: oir cha ’n ’eil roinn no oighreachd aige maille riut. 28 Aig crìoch thri bliadhna bheir thu mach uile dheachamh do chinnis air a’ bhliadhna sin féin, agus taisgidh tu suas e an taobh a stigh do d’ gheataibh. 29 Agus thig an Lebhitheach (a chionn nach ’eil roinn no oighreachd aige maille riut) agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach a tha ’n taobh a stigh do d’ gheataibh, agus ithidh iad, agus sàsuichear iad; a chum gu’m beannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile oibribh do làmh a ni thu. CAIB. XV. ’AN ceann gach seachd bliadhna ni thu fuasgladh. 2 Agus is e so modh an fhuasglaidh: Gach fear fiacha a bheir ni sam bith air iasachd (2) d’a choimhearsnach, fuasglaidh (3) se e, cha ’n iarr e air ais e o choimhearsnach, no o bhràthair, a chionn gu’n goirear fuasgladh an Tighearna dheth (4). 3 O eilthireach feudaidh tu iarraidh air ais; ach an ni a’s leat féin a ta aig do bhràthair, fuasglaidh do làmh e. 4 Ach a mhàin an uair nach bi (5) uireasbhuidheach sam bith ’nar measg: oir beannaichidh an Tighearna gu mòr thu ’san fhearann a tha ’n Tighearna do Dhia a’ toirt dhuit mar oighreachd, r’a shealbhachadh: 5 A mhàin ma dh’éisdeas tu gu dùrachdach re guth an Tighearna do Dhé, a thoirt an aire gu’n dean thu na h-àitheanta so uile a tha mi ’g àithneadh dhuit air an là’n diugh. 6 Oir beannaichidh an Tighearna do Dhia thu, mar a gheall e dhuit; agus bheir thu air iasachd do mhòran chinneach, ach cha ghabh thu air iasachd: agus bithidh uachdranachd agad air mòran chinneach, ach cha bhi uachdranachd aca-san ort-sa. 7 Ma bhios ’nar measg duine bochd, aon do d’ bhràithribh, an taobh a stigh aon do d’ gheataibh, ann ad fhearann a tha ’n Tighearna do Dhia a’ toirt duit, cha chruadhaich thu do chridhe, ni mò a dhruideas tu do làmh o d’ bhràthair bochd: 8 Ach fosglaidh tu do làmh gu farsaing dha, agus gu cinnteach bheir thu air iasachd dha ni’s leòr air son fheum, do’n ni a tha dh’easbhuidh air. (1) cruidh. (2) ’an coingheall. (3) mathaidh, saoraidh. (4) chionn gu’n abrar fuasgladh an Tighearna ris. (5) A chum nach bi. [TD 328] DEUTERONOMI. CAIB. XV. 9 Thoir an aire nach bi smuain a’d’ chridhe aingidh, ag ràdh, Tha ’n t-seachdamh bliadhna, bliadhna an fhuasglaidh, am fagus; agus gu’m bi do shùil olc ’an aghaidh do bhràthar bhochd, agus nach d’thoir thu bheag dha, agus gu’n glaodh e ris an Tighearn a’t’ aghaidh, agus gu’m bi e ’na pheacadh dhuit. 10 Bheir thu dha gu deimhin, agus cha bhi doilgheas air do chridhe ’nuair a bheir thu dha: a chionn air son an ni so gu’m beannaich an Tighearn do Dhia thu a’t’ oibribh uile agus anns gach ni ris an cuir thu do làmh. 11 Oir cha bhi ’n tìr a chaoidh gun bhochd (1): uime sin tha mi ’g àithneadh dhuit, ag ràdh, Fosglaidh tu do làmh gu farsaing do d’ bhràthair, do d’ bhochd, agus do d’ uireasbhuidheach a’d’ dhùthaich. 12 Ma reicear riut do bhràthair Eabhruidheach, no Ban-eabhruidheach, agus gu’n dean e seirbhis duit sè bliadhnan; ’an sin anns an t-seachdamh bliadhna leigidh tu leis dol saor uait. 13 Agus an uair a chuireas tu e mach saor uait, cha chuir thu air falbh e falamh: 14 Bheir thu dha gu pailt as do threud, agus as t’urlar, agus a t’fhìon-amar: as na nithibh sin leis an do bheannaich an Tighearna do Dhia thu, bheir thu dha. 15 Agus cuimhnichidh tu gu’n robh thu féin a’d’ thràill ann an tìr na h-Eiphit; agus shaor an Tighearna do Dhia thu: uime sin tha mi ag àithneadh so dhuit an diugh. 16 Ach ma their e riut, Cha’n fhalbh mi uait (a chionn gur toigh leis thu agus do thigh, do bhrìgh gu bheil e gu math agad) 17 ’An sin gabhaidh tu minidh, agus cuiridh tu tre chluais e anns an dorus, agus bithidh e ’na sheirbhiseach dhuit gu bràth: agus mar an ceudna re d’ bhan-oglaich ni thu mar sin. 18 Na measar e cruaidh leat, an uair a chuireas tu uait saor e; oir bha e dà uair co-math dhuitse re seirbhiseach tuarasdail, le seirbhis a dheanamh dhuit sè bliadhnan: agus beannaichidh an Tighearna do Dhia thu anns gach ni a ni thu. 19 Gach ceud-ghin firionn a bheirear am measg do chruidh (2), agus am measg do threud, naomhaichidh tu do’n Tighearna do Dhia: cha dean thu obair sam bith le ceud-ghin do bhòtha (3), ni mò a lomas tu ceud-ghin do chaorach. 20 Am fianuis an Tighearna do Dhé ithidh tu e o bhliadhna gu bliadhna, ’san ionad a thaghas an Tighearna, thu féin agus do theaghlach. 21 Agus ma bhios gaoid sam bith ann, crùbaiche, no doille, no droch ghaoid sam bith, cha ’n ìobair thu e do’n Tighearna do Dhia. 22 An taobh a stigh do d’ gheataibh ithidh tu e; ithidh an glan agus an neo-ghlan comh-ionann deth, mar do’n ruadh-bhoc, agus mar do’n fhiadh. 23 A mhàin fhuil cha ’n ith thu: air an talamh dòirtidh tu i mar uisge. (1) cha teirig, cha’n fhàilingich am bochd a chaoidh as an tìr. (2) a thig a’d’ chrodh. (3) mhairt. [TD 329] DEUTERONOMI. CAIB. XVI. CAIB. XVI. COIMHID mìos Abib, agus cumaidh tu a’ chàisg do’n Tighearna do Dhia: oir ’sa’ mhìos Abib thug an Tighearna do Dhia thu mach as an Eiphit ’san oidhche. 2 Uime sin ìobraidh tu chàisg do’n Tighearna do Dhia, do’n treud agus do’n bhuar, ’san ionad a thaghas an Tighearna chum ainm a chur ’an sin. 3 Cha’n ith thu aran goirtichte (1) ’sam bith leatha: seachd laithean ithidh tu aran neo-ghoirtichte leatha, eadhon aran àmhghair (oir le cabhaig thàinig thu mach a tìr na h-Eiphit) a chum gu cuimhnich thu ’n là air an d’thàinig thu mach a tìr na h-Eiphit, uile laithean do bheatha. 4 Agus cha ’n fhaicear agad aran goirtichte a’d’ chrìochaibh uile rè sheachd laithean: ni mò a mhaireas a’ bheag do’n fheoil a dh’ìobras tu air feasgar ’sa’ cheud là, rè na h-oidhche gu madainn. 5 Cha ’n fheud thu chàisg ìobradh an taobh a stigh aon air bith do’d’ gheataibh, a bheir an Tighearna do Dhia dhuit. 6 Ach aig an àit a thaghas an Tighearna do Dhia a chur ainme ann, ’an sin ìobraidh tu chàisg air feasgar, aig dol fuidhe na gréine, ’san àm an d’thàinig thu mach as an Eiphit. 7 Agus ròistidh agus ithidh tu i ’san àit a thaghas an Tighearn do Dhia: agus pillidh tu ’sa’ mhadainn, agus théid thu do d’ bhùthaibh. 8 Sè laithean ithidh tu aran gun ghoirteachadh; agus air an t-seachdamh là bithidh ard cho’-chruinneach do’n Tighearna do Dhia: cha dean thu obair sam bith air. 9 Seachd seachduinean àirmhidh tu dhuit féin: o’n àm ’san tòisich thu air a’ chorran a chur ’san arbhar, tòisichidh tu air na seachd seachduinean àireamh. 10 Agus cumaidh tu féisd (2) nan seachduine do’n Tighearna do Dhia, le tiodhlac saor-thoil thabhartais do làimh, a bheir thu seachad a réir mar a bheannaich an Tighearna do Dhia thu. 11 Agus ni thu gairdeachas ’an làthair an Tighearna do Dhé, thu féin, agus do mhac, agus do nighean, agus t’òglach, agus do bhan-oglach, agus an Lebhitheach a tha ’n taobh a stigh do d’ gheataibh, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach a tha ’nar measg, ’san ionad a thagh an Tighearna do Dhia a chur ainm ann. 12 Agus cuimhnichidh tu gu’n robh thu féin a’d’ thràill ’san Eiphit: agus coimhididh tu, agus ni thu na reachda so. 13 Cumaidh tu féisd (3) nam pàilliuna seachd laithean ’an déigh dhuit t’arbhar a chruinneachadh a stigh, agus t’fhìon. 14 Agus ni thu gairdeachas a’d’ fhéisd, thu féin, agus do mhac, agus do nighean, agus t’òglach, agus do bhan-oglach, agus an Lebhitheach, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha ’n taobh a stigh do d’ gheataibh. (1) làibhinte. (2) féill, cuirm. (3) féill. [TD 330] DEUTERONOMI. CAIB. XVII. 15 Seachd laithean cumaidh tu féisd àraidh (1) do’n Tighearna do Dhia, ’san ionad a thaghas an Tighearna: a chionn gu’m beannaich an Tighearna do Dhia thu a’t’ chinneas uile, agus ann an oibribh do làmh uile, uime sin ni thu gu deimhin gairdeachas. 16 Tri uaire ’sa’ bhliadhna taisbeinear (2) t’fhirionnaich uile ’an làthair an Tighearna do Dhé, ’san ionad a thaghas e; ann am féisd an arain neo-ghoirtichte, agus ann am féisd nan seachduine, agus ann am féisd nam pàilliuna: agus cha taisbeinear iad ’an làthair an Tighearna falamh. 17 Bheir gach duine seachad mar is urrainn e, a réir beannachaidh an Tighearna do Dhé, a thug e dhuit. 18 Breitheamhnan, agus uachdarain ni thu dhuit féin an taobh a stigh do d’ gheataibh uile, a bheir an Tighearna do Dhia dhuit air feadh do threubh: agus bheir iad breth air an t-sluagh le ceart bhreitheanas. 19 Cha dean thu breitheanas fhiaradh; cha bhi bàigh agad re neach seach a chéile, ni mò a ghabhas tu tiodhlac (3): oir dallaidh an tiodhlac sùile nan daoine glic, agus fiaraidh (4) e briathra nan ionracan. 20 An ni sin a ta uile-cheart leanaidh tu, a chum gu’m bi thu beo, agus gu’n sealbhaich thu ’m fearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhuit. 21 Cha suidhich thu dhuit féin doire (5) chraobhan sam bith làimh re altair an Tighearna do Dhé, a ni thu dhuit féin. 22 Ni mò a chuireas tu suas dhuit féin dealbh (6) sam bith, ni a’s fuathach leis an Tighearna do Dhia. CAIB. XVII. CHA ’n ìobair thu do’n Tighearna do Dhia tarbh, no caora, anns am bheil gaoid, no mi-mhaise sam bith: oir is gràineileachd sin do’n Tighearna do Dhia. 2 Ma gheibhear ’nar measg, an taobh a stigh aon do d’ gheataibh a bheir an Tighearna do Dhia dhuit, fear no bean, a rinn aingidheachd ann an sùilibh an Tighearna do Dhé, le choi’-cheangal a bhriseadh, 3 Agus gu’n deachaidh e agus gu’n d’rinn e seirbhis do dhéibh eile, agus gu’n d’rinn e aoradh dhoibh, aon chuid do’n ghréin, no do’n ghealaich, no do uile armailt néimh (7) nach d’àithn mise; 4 Agus gu’n d’innseadh dhuit e, agus gu’n cuala tu e, agus gu’n do rannsaich thu gu math, agus feuch, gur fìor e, agus gu bheil a’ chuis deirbhte, gu’n do rinneadh a’ ghràineileachd sin ann an Israel; 5 ’An sin bheir thu mach am fear sin no a’ bhean sin (a rinn an ni aingidh sin) chum do gheatacha, eadhon am fear sin no a’ bhean sin, agus clachaidh tu iad le clachaibh gus am bàsaich iad. 6 Aig beul dà fhianuis, no thri fianuisean, cuirear gu bàs (1) ard, shònruichte. (2) nochdar. (3) gibht. (4) truaillidh. (5) bad. (6) ìomhaigh, coslas. (7) do h-aon do shlògh néimh. [TD 331] DEUTERONOMI. CAIB. XVII. esan a tha toillteanach air bàs: cha chuirear gu bàs e aig beul aon fhianuis. 7 Bithidh làmha nam fianuisean air ’an toiseach, g’a chur gu bàs; agus ’na dhéigh sin làmhan an t-sluaigh uile: mar sin cuiridh tu ’n t-olc air falbh o bhur measg. 8 Ma dh’éireas cùis a bhios ro-chruaidh ort ann am breitheanas eadar fuil agus fuil, eadar breth (1) agus breth, agus eadar buille agus buille, eadhon cùisean conspoid an taobh a stigh do d’ gheataibh; ’an sin éiridh tu, agus théid thu suas do’n ionad a thaghas an Tighearna do Dhia, 9 Agus thig thu chum nan sagart nan Lebhitheach, agus a chum a’ bhreitheimh a bhios anns na laithibh sin, agus fiosraichidh tu; agus nochdaidh iad dhuit focal (2) a bhreitheanais. 10 Agus ni thu a réir na breithe a nochdas muinntir an àite sin (a thaghas an Tighearna) dhuit, agus bheir thu ’n aire gu’n dean thu a réir gach ni a theagaisgeas iad duit: 11 A réir breth an lagha a theagaisgeas iad dhuit, agus a réir a bhreitheanais a dh’innseas iad duit, ni thu: cha chlaon thu o’n bhreth a nochdas iad duit, a chum na làimhe deise no na làimhe clìthe. 12 Agus an duine a ni (3) gu h-andàna (4), agus nach éisd ris an t-sagart (a sheasas gu frithealadh ’an sin ’an làthair an Tighearna do Dhé) no ris a’ bhreitheamh, bàsaichidh eadhon an duine sin, agus cuiridh tu ’n t-olc air falbh o Israel. 13 Agus cluinnidh an sluagh uile, agus bithidh eagal orra, agus cha dean iad gu h-an-dàna ni’s mò. 14 ’Nuair a thig thu chum an fhearainn a bheir an Tighearna do Dhia dhuit, agus a shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu còmhnuidh ann, agus a their thu, Cuiridh mi righ os mo cheann, mar na cinnich uile ta m’an cuairt orm: 15 Cuiridh tu air gach aon chor esan ’na righ os do cheann a thaghas an Tighearna do Dhia: aon o mheasg do bhràithre cuiridh tu na righ os do cheann: cha ’n fheud thu coigreach a chur os do cheann, nach ’eil ’na bhràthair dhuit. 16 Ach cha chuir e eich ’an lìonmhoireachd dha féin, ni mò a bheir e air an t-sluagh pilleadh do’n Eiphit, a chum as gu’n cuir e eich ’an lìonmhoireachd: do bhrìgh gu’n dubhairt an Tighearna ribh, Cha phill sibh a so a mach ni’s mò air an t-slighe sin. 17 Ni mò chuireas e mnài ’an lìonmhoireachd dha féin, a chum nach claon a chridhe air falbh: ni mò a mheudaicheas e gu mòr dha féin airgiod agus òr. 18 Agus an uair a shuidheas e air righ-chaithir a rioghachd, ’an sin ath-sgrìobhaidh e dha féin an lagh so (5) ann an leabhar, as an leabhar sin a tha ’n làthair nan sagart nan Lebhitheach. 19 Agus bithidh e aige, agus leughaidh e ann, uile làithean a bheatha; chum gu fòghlum e eagal an Tighearn a Dhé a bhi (1) tagartas, cùis-lagha. (2) binn. (3) ghiùlaineas e féin. (4) dalma. (5) sgrìobhaidh e dha féin dùblachadh an lagha so. [TD 332] DEUTERONOMI. CAIB. XVIII. air, uile bhriathran an lagha so a ghleidheadh, agus na reachda so, chum an deanamh: 20 A chum nach bi chridhe air a thogail suas os ceann a bhràithre, agus nach claon e o’n àithne chum na làimhe deise no na làimhe clìthe: air chor as gu’m buanaich e a laithean ’na rioghachd, e féin agus a chlann am meadhon Israeil. CAIB. XVIII. CHA bhi aig na sagartaibh na Lebhithich, eadhon uile thréibh Lebhi, roinn sam bith no oighreachd maille re h-Israel: ithidh iad tabhartais an Tighearna bheirear suas le teine, agus oighreachd-san. 2 Uime sin cha bhi oighreachd sam bith aca am measg am bràithre: is e ’n Tighearna féin an oighreachd, mar a thubhairt e riu. 3 Agus is e so dlighe nan sagart o’n t-sluagh, uatha-san a dh’ìobras ìobairt, ma’s tarbh no caora e; agus bheir iad do’n t-sagart an slinnean, agus na gialan, agus a’ mhaodal. 4 Ceud thoradh mar an ceudna t’arbhair, t’fhìona, agus t’olaidh, agus ceud lomradh (1) do chaorach bheir thu dha: 5 Oir thagh an Tighearna do Dhia e mach as do threubhaibh uile, gu seasamh chum frithealaidh ann an ainm an Tighearn, e féin agus a mhic gu bràth. 6 Agus ma thig Lebitheach o h-aon do d’ gheataibh a mach a h-Israel uile, far am bheil e air chuairt, agus ma thig e le uile thogradh inntinn do’n ionad a thaghas an Tighearna; 7 ’An sin frithealaidh e ann an ainm an Tighearn a Dhé, mar a bhràithrean uile na Lebhithich, a tha ’nan seasamh ’an sin ’an làthair an Tighearna. 8 Bithidh ac’ uiread re chéile r’a itheadh, a bhàrr air na thig air o reiceadh a chuid duine-cloinne. 9 ’Nuair a thig thu do’n fhearann a tha ’n Tighearna do Dhia a’ toirt duit, cha ’n fhòghlum thu dheanamh a réir gràinealachd nan cinneach sin. 10 Cha’n fhaighear ’nar measg neach air bith a bheir air a mhac, no air a nighinn dol tre’n teine, no ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair (2), no fear-fàistineachd, no ghnàthaicheas droch innleachda (3), 11 No seunadair (4), no neach a dh’fhiosraicheas do leannan-sìth (5), no druidh, no neach a dh’iarras eòlas o na mairbh. 12 Oir is gràinealachd do’n Tighearn iadsan uile a ni na nithe sin; agus air son nan gràinealachd sin, tha’n Tighearna do Dhia ’gam fuadachadh a mach romhad. 13 Bithidh tusa coimhlionta maille ris an Tighearna do Dhia. 14 Oir dh’éisd na cinnich sin a shealbhaicheas tusa re speuradairean, agus re fiosaichibh: ach air do shon-sa, cha do leig an Tighearna do Dhia leat mar sin a dheanamh. 15 Togaidh an Tighearna do Dhia suas fàidh dhuit o d’ mhea- (1) rùsgadh. (2) mheasas aimsire ni’s amhartanaiche na chéile. (3) buitseachas. (4) charmer. Sasg. (5) spiorad fiosachd. [TD 333] DEUTERONOMI. CAIB. XIX. dhon féin, o d’ bhràithribh, cosmhuil riumsa; ris-san éisdidh sibh. 16 A réir nan uile nithe a dh’iarr thu o’n Tighearna do Dhia ann an Horeb, ann an là a’ cho’-chruinnich, ag ràdh, Na cluinneamsa rìs guth an Tighearna mo Dhé, agus na faiceam an teine mòr so ni’s mò, a chum nach bàsaich mi. 17 Agus thubhairt an Tighearna riumsa, Is math a labhair iad an ni a labhair iad. 18 Togaidh mise suas fàidh dhoibh o mheasg am bràithre, cosmhuil riutsa, agus cuiridh mi mo bhriathra ’na bheul, agus labhraidh e riu gach ni a dh’àithneas mi dha. 19 Agus tarlaidh, an duine nach éisd re m’ bhriathraibhse a labhras e a’m’ ainm, iarraidh mi uaith e: 20 Ach am fàidh aig am bi dhànadas focal a labhairt a’m’ ainm, nach d’àithn mise dha a labhairt, no labhras ann an ainm dhiathan eile, gu cinnteach bàsaichidh am fàidh sin. 21 Agus ma their thu ann do chridhe, Cionnus a dh’aithnicheas sinn am focal nach do labhair an Tighearna? 22 ’Nuair a labhras fàidh ann an ainm an Tighearna, mur tachair an ni, agus mur d’thig e gu crìch, is e sin an ni nach do labhair an Tighearna; gu h-an-dàna labhair am fàidh e: cha bhi eagal ort roimhe. CAIB. XIX. ’NUAIR a ghearras an Tighearna do Dhia as na cinnich, aig an robh am fearann a tha ’n Tighearna do Dhia a’ tabhairt duit, agus a thig thu ’nan àite, agus a ghabhas tu còmhnuidh ’nam bailtibh (1), agus ’nan tighibh; 2 Cuiridh tu air leth dhuit féin tri bailtean am meadhon t’fhearainn a bheir an Tighearna do Dhia dhuit r’a shealbhachadh. 3 Deasaichidh tu dhuit féin slighe, agus roinnidh tu crìocha (2) t’fhearainn (a bheir an Tighearna do Dhia dhuit r’a shealbhachadh) ’nan tri earrannaibh, a chum gu feud gach marbhaiche teicheadh ’an sin. 4 Agus is e so cor (3) a’ mharbhaiche, a theicheas ’an sin, a chum gu’m bi e beò: Ge b’e a mharbhas a choimhearsnach gun fhios da, do nach robh fuath aige roimhe (4): 5 Mar a ta ’nuair a théid duine maille r’a choimhearsnach do’n choille ghearradh fiodha, agus a bheir a làmh buille leis an tuaidh a ghearradh sìos na craoibh, agus a leumas an ceann bhàrr na coise (5), agus a thuiteas e air a choimhearsnach, air chor as gu’m bàsaich e; teichidh e chum aon do na bailtibh sin, agus bithidh e beò: 6 Air eagal gu’n lean dioghaltair na fola am marbhaiche, am feadh ’s a ta chridhe teth, agus gu’m beir e air, a chionn gu bheil an t-slighe fada, agus gu marbh se e, ge d’ nach robh e toillteanach air bàs, do bhrìgh nach robh fuath aige dha ’san àm a chaidh seachad. 7 Uime sin tha mi ag àithn- (1) caithreachaibh. (2) iomall. (3) cùis. (4) an dé no air a’ bhònde. Eabh. (5) samhacha. [TD 334] DEUTERONOMI. CAIB. XX. eadh dhuit, ag ràdh, Cuiridh tu air leth dhuit féin tri bailte. 8 Agus ma leudaicheas an Tighearna do Dhia do chrìoch (mar a mhionnaich e do t’aithreachaibh) agus ma bheir e dhuit am fearann uile a gheall e thoirt do t’aithreachaibh; 9 (Ma bheir thu an aire na h-àitheanta sin uile a dheanamh, a tha mise ag àithneadh dhuit an diugh, an Tighearna do Dhia a ghràdhachadh, agus gluasad a ghnàth ’na shlighibh) ’an sin cuiridh tu air leth dhuit féin tri bailtean eile thuilleadh air an tri sin: 10 A chum nach dòirtear fuil neo-chiontach a’t’ fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhuit mar oighreachd, agus nach bi mar sin fuil ort. 11 Ach ma tha aig duine sam bith fuath d’a choimhearsnach, agus gu’n luidh e ’m plaid air a shon (1), agus gu’n éirich e suas ’na aghaidh, agus gu’m buail e gu marbhtach e, air chor as gu’m faigh e bàs, agus gu’n teich e gu h-aon do na bailtibh sin; 12 ’An sin cuiridh seanairean a bhaile féin fios uatha, agus bheir iad as sin e, agus bheir iad thairis e do làimh dìoghaltair na fola, a chum gu’m bàsaich e. 13 Cha ghabh do shùil truas ris, ach cuiridh tu air falbh cionta fola neo-chiontaich o Israel, a chum as gu’n éirich gu math dhuit. 14 Cha ’n atharraich thu crìoch fearainn do choimhearsnaich, a shuidhich na sinnsir a’t’ oighreachd a shealbhaicheas tu, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhuit r’a shealbhachadh. 15 Cha ’n éirich aon fhianuis a mhàin suas ’an aghaidh duine air son eucorach sam bith, no air son peacaidh sam bith, ann am peacadh sam bith a pheacaicheas e: aig beul dà fhianuis, no aig beul tri fianuisean daingnichear a’ chùis. 16 Ma dh’éireas fianuis bhréige suas ’an aghaidh duine sam bith, a thoirt fianuis ’na aghaidh air an eu-ceart; 17 ’An sin seasaidh an dithis dhaoine aig am bheil an connsachadh, ’am fianuis an Tighearn, ’an làthair nan sagart, agus nam breitheamhna a bhios anns na laithibh sin. 18 Agus ni na breitheamhna rannsachadh geur: agus feuch, ma’s fianuis bhréige an fhianuis, agus gu’n d’thug e fianuis bhréige ’an aghaidh a bhràthar, 19 ’An sin ni sibh ris, mar a shaoil esan a dheanamh r’a bhràthair: mar sin cuiridh tu air falbh an t-olc as bhur measg. 20 Agus cluinnidh iadsan a mhaireas, agus bithidh eagal orra, agus cha dean iad o sin a mach a shamhuil so do olc ’nar measg. 21 Agus cha ghabh do shùil truas; ach théid anam air son anma, sùil air son sùla, fiacail air son fiacla, làmh air son làimhe, cos air son coise. CAIB. XX. ’NUAIR a théid thu mach gu cath (2) ’an aghaidh do naimhdean, agus a chi thu eich agus carbaid, agus sluagh a’s (1) gu caith e feall air. (2) cogadh. [TD 335] DEUTERONOMI. CAIB. XX. lìonmhoire na thu féin, na biodh eagal ort rompa: oir tha ’n Tighearna do Dhia maille riut, a thug a mach thu a tìr na h-Eiphit. 2 Agus an uair a dhlùthaicheas sibh ris a’ chath, ’an sin thig an sagart am fagus, agus labhraidh e ris an t-sluagh, 3 Agus their e riu, Eisd, O Israel, tha sibh an diugh a’ dol gu cath ’an aghaidh bhur naimhde: na biodh bhur cridhe fann, na biodh eagal oirbh, agus na criothnaichibh, agus na biodh uamhann oirbh air an son; 4 Oir tha ’n Tighearna bhur Dia a’ dol maille ribh, a chogadh air bhur son ’an aghaidh bhur naimhde, a chum bhur tearnadh. 5 Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh ris an t-sluagh, ag ràdh, Cia am fear a thog tigh nomha (1), agus nach do choisrig e? rachadh e agus pilleadh e chum a thighe, an t-eagal gu’m bàsaich e ’sa’ chath, agus gu’n coisrig fear eile e. 6 Agus cia an duine a shuidhich fìon-lios, agus nach d’ith fathast dheth? rachadh esan mar an ceudna, agus pilleadh e g’a thigh, air eagal gu’m bàsaich e ’sa’ chath, agus gu’n ith neach eile dheth. 7 Agus cia an duine a rinn ceangal-pòsaidh re mnaoi, agus nach do ghabh d’a ionnsuidh i? rachadh e agus pilleadh e d’a thigh, air eagal gu’m bàsaich e ’sa’ chath, agus gu’n gabh neach eile i d’a ionnsuidh. 8 Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh a bhàrr air sin ris an t-sluagh, agus their iad, Cia an duine a ta gealtach, agus lag-chridheach? rachadh e agus pilleadh e d’a thigh, a chum nach dean e cridhe a bhràithre lag mar a chridhe féin. 9 Agus tarlaidh ’nuair a chuireas an luchd-riaghlaidh crìoch air labhairt ris an t-sluagh, gu’n cuir iad ceannardan air na h-armailtibh gus an sluagh a thoirt air an aghaidh (2). 10 ’Nuair a thig thu ’m fagus do bhaile (3) gu cogadh ’na aghaidh, ’an sin gairmidh tu sìth dha. 11 Agus tarlaidh, ma bheir e freagradh na sìth dhuit, agus ma dh’fhosglas e dhuit, ’an sin tarlaidh gu’m bi ’n sluagh uile a gheibhear ann fuidh chìs dhuit, agus gu’n dean iad seirbhis dhuit. 12 Agus mur dean e sìth riut, ach gu’n cog e riut, ’an sin cuiridh tu gu cruaidh ’na aghaidh (4). 13 Agus an uair a bheir an Tighearna do Dhia thairis do d’ làimh e, buailidh tu gach firionnach ann le faobhar a’ chlaidheimh. 14 Ach na mnài, agus a’ chlann bheag, agus an spréidh, agus na h-uile nithe a tha ’sa’ bhaile, eadhon a’ chreach uile, gabhaidh tu dhuit féin; agus ithidh tu creach do naimhdean, a thug an Tighearna do Dhia dhuit. 15 Mar so ni thu ris na bailtibh sin uile a tha ro-fhada uait, nach ’eil do bhailtibh nan cinneach sin. 16 Ach do bhailtibh an t-sluaigh sin a tha ’n Tighearna (1) nuadh. (2) gu’n àireamh ceannardan nan armailtean an sluagh fa leth. (3) chathair. (4) cuiridh tu séisde ris, dubhaidh is teannaidh tu e. [TD 336] DEUTERONOMI. CAIB. XXI. do Dhia a’ toirt duit mar oighreachd, cha ghleidh thu ni sam bith beò anns am bheil anail: 17 Ach sgriosaidh tu gu tur iad, eadhon na Hitich, agus na h-Amoraich, na Canaanaich, agus na Peridsich, na Hibhich, agus na Iebusaich, a réir mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhuit: 18 A chum nach teagaisg iad duit a dheanamh a réir an uile ghràinealachd, a rinn iad d’an déibh; mar sin pheacaicheadh sibh ’an aghaidh an Tighearna bhur Dé. 19 ’Nuair a chuireas tu gu cruaidh ’an aghaidh (1) baile rè uine fhada, a’ deanamh cogaidh ’na aghaidh chum a ghlacadh, cha chuir thu as d’a chraobhaibh le tuadh a bhualadh orra: oir feudaidh tu itheadh dhiubh, agus cha ghearr thu sìos iad (oir is i craobh na machrach beatha duine) chum an gnàthachadh ann an cur ’an aghaidh a’ bhaile. 20 A mhàin na craobhan a’s aithne dhuit féin nach craobhan bìdh iad, sgriosaidh agus gearraidh tu sìos iad; agus togaidh tu daingnichean (2) ’an aghaidh a’ bhaile a chogas riut gus an ceannsaich thu e (3). CAIB. XXI. MA gheibhear neach air a mharbhadh ’san fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhuit r’a shealbhachadh, ’na luidhe ’sa’ mhachair, agus gun fhios cò mharbh e; 2 ’An sin thig do sheanairean agus do bhreitheamhnan a mach, agus tomhaisidh iad a chum nam bailtean a tha mu’n cuairt air-san a mharbhadh. 3 Agus tarlaidh gu’n gabh am baile a’s faigse do’n duine a mharbhadh, eadhon seanairean a’ bhaile sin agh leis nach d’rinneadh obair, nach do tharruing riamh ann an cuing; 4 Agus bheir seanairean a’ bhaile sin an t-agh sìos do ghleann garbh nach do threabhadh agus nach do shìol-chuireadh, agus gearraidh iad ’an sin amhach (4) an aighe dheth ’sa’ ghleann; 5 Agus thig na sagairt mic Lebhi am fagus (oir iadsan thagh an Tighearna do Dhia gu frithealadh dha féin, agus gu beannachadh ann an ainm an Tighearna) agus a réir am focail-san crìochnaichear (5) gach uile chonnsachadh, agus gach uile bhuille. 6 Agus nighidh uile sheanairean a’ bhaile sin a’s faigse do’n duine a mharbhadh, an làmhan as ceann an aighe d’an do ghearradh an amhach ’sa’ ghleann: 7 Agus freagraidh iad agus their iad, Cha do dhòirt ar làmhan an fhuil so, ni mò a chunnaic ar sùilean i. 8 Bi tròcaireach, O Thighearna, do d’ shluagh Israel, a shaor thu, agus na cuir fuil neo-chiontach a leth do shluaigh Israeil. Agus mathar an fhuil dhoibh. 9 Mar sin cuiridh tu air falbh cionta na fola neo-chiontaich o bhur measg, do bhrì’ gu’n dean thu an ni a ta ceart ann an sùilibh an Tighearna. 10 ’Nuair a théid thu mach gu cogadh ’an aghaidh do naimh- (1) séisde re. (2) dùin-chatha. (3) gus an glacar e. (4) muineal. (5) bithidh. Eabh. [TD 337] DEUTERONOMI. CAIB. XXII. dean, agus gu’n d’thoir an Tighearna do Dhia thairis iad do d’ làimh agus gu’n dean thu braighde dhiubh, 11 Agus gu’m faic thu measg nam braighde bean sgiamhach, agus gu bheil déigh agad oirre, agus gu’m bu mhath leat agad i ’na mnaoi; 12 ’An sin bheir thu dhachaidh i do d’ thigh, agus bearraidh i a ceann, agus bheir i dhith a h-ìnean. 13 Agus cuiridh i dhith a h-eudach braighdeanais, agus fanaidh i a’d’ thigh, agus ni i caoidh (1) air son a h-athar agus a màthar mìos iomlan: agus ’an déigh sin théid thu steach d’a h-ionnsuidh, agus bithidh tu a’t’ fhear-pòsda (2) aice, agus bithidh ise ’na mnaoi agad. 14 Ach mur bi tlachd agad innte, ’an sin leigidh tu leatha dol far an àill leatha, ach cha reic thu idir air airgiod i, ni mò a ni thu ain-tighearnas oirre (3), a chionn gu’n d’ìslich thu i. 15 Ma bhios aig duine dà mhnaoi, aon diubh gràdhaichte agus an aon eile fuathaichte, agus ma rug iad clann da, araon a’ bhean ghràdhaichte agus a’ bhean fhuathaichte; agus ma’s leis a’ mhnaoi fhuathaichte an ceud-ghin mic, 16 ’An sin tarlaidh, ’nuair a bheir e sealbh d’a mhic air an ni a ta aige, nach fheud e ceud-ghin a dheanamh do mhac na mnà gràdhaichte roimh mhac na mnà fuathaichte, a’s e da rìreadh an ceud-ghin: 17 Ach gabhaidh e re (4) mac na mnà fuathaichte mar an ceud-ghin le roinn dhùbailte a thoirt da do gach ni a ta aige: oir is esan toiseach a neirt, is leis còir a’ cheud-ghin. 18 Ma bhios aig duine mac reasgach (5) agus ceannairceach, nach géill do ghuth athar, no do ghuth a mhàthar, agus an uair a smachdaicheas iad e, nach éisd riu: 19 ’An sin beiridh athair agus a mhàthair air, agus bheir iad a mach e gu seanairean a bhaile, agus gu geatadh àite féin; 20 Agus their iad re seanairibh a’ bhaile, Tha ar mac so reasgach agus ceannairceach, cha d’thoir e géill d’ar guth; tha e ’na gheòcair agus ’na mhisgeir. 21 Agus clachaidh uile dhaoine a bhaile e le clachaibh a chum as gu’m bàsaich e: mar sin cuiridh tu olc air falbh as bhur measg, agus cluinnidh Israel uile, agus bithidh eagal orra. 22 Agus ma rinn duine peacadh a tha toillteanach air bàs, agus gu’m bi e r’a chur gu bàs, agus gu’n croch thu re craoibh e: 23 Cha ’n fhan a chorp rè na h-oidhche air a’ chraoibh, ach air gach aon chor adhlaicidh tu e air an là sin féin (oir mallaichte le Dia tha esan a chrochadh:) agus cha salaich thu t’fhearann, a tha ’n Tighearna do Dhia a’ toirt duit mar oighreachd. CAIB. XXII. ’NUAIR a chi thu damh do bhràthar, no a chaora dol air seacharan, cha’n fholaich (1) caoinidh i. (2) ’nat’ fhear-pòsda. (3) marsantachd leatha. (4) aidmhichidh e gur e. (5) eas-ùmhal. [TD 338] DEUTERONOMI. CAIB. XXII. thu thu féin uatha; bheir thu air gach aon chor air an ais iad a rìs a dh’ionnsuidh do bhràthar. 2 Agus mur bi do bhràthair làimh riut, no mur aithne dhuit e, ’an sin bheir thu e dh’ionnsuidh do thighe féin, agus bithidh e maille riut gus an iarr do bhràthair e, agus bheir thu air ais dha e. 3 Air a’ mhodh cheudna ni thu r’a asal, agus mar so ni thu r’a eudach, agus mar so ni thu ris na h-uile nithibh caillte le d’ bhràthair, a chaill e, agus a fhuair thusa: cha ’n fheud thu thu féin fholach. 4 ’Nuair a chi thu asal do bhràthar, no a dhamh a’ tuiteam sìos air an t-slighe, cha’n fholaich thu thu féin uatha: gu cinnteach togaidh tu suas iad maille ris a rìs. 5 Cha chaith bean an ni sin a’s le fear, ni mò a chuireas fear uime eudach mnà: oir is gràinealachd do’n Tighearna do Dhia iadsan uile a ni so. 6 Ma tharlas do nead eoin a bhi romhad ’san t-slighe ann an craoibh sam bith, no air làr, ma’s eoin òg iad, no uibhean, agus a’ mhàthair ’na suidheadh air an àlach (1), no air na h-uibhibh, cha ghlac thu a’ mhàthair maille ris an àlach: 7 Air gach aon chor leigidh tu leis a’ mhàthair dol as, agus an t-àlach gabhaidh tu dhuit féin; a chum gu’n éirich gu math dhuit, agus gu’m buanaich thu do làithean. 8 ’Nuair a thogas tu tigh nomha, ’an sin togaidh tu barr-bhalla d’a mhullach, a chum nach d’thoir thu fuil air do thigh, ma thuiteas duine sam bith o sin. 9 Cha chuir thu t’fhìon-lios le h-iomadh gnè sìl, an t-eagal gu’n truaillear toradh do shìl a chuir thu, agus meas t’fhìon-lios. 10 Cha dean thu ar (2) le damh agus le h-asal maille re chéile. 11 Cha chuir thu umad eudach measgta, mar do olann agus do lìon le chéile. 12 Ni thu dhuit féin fàbhran (3) air ceithir cheithreanaibh t’eudaich leis an còmhdaich thu thu féin. 13 Ma ghabhas duine bean, agus gu’n d’théid e steach d’a h-ionnsuidh, agus gu’m fuathaich e i, 14 Agus gu’n d’thoir e aobhar cainnte ’na h-aghaidh, agus gu’n tog e suas droch ainm oirre, agus gu’n abair e, Ghabh mi a’ bhean so, agus an uair a thàinig mi d’a h-ionnsuidh, cha d’fhuair mi ’na maighdinn i: 15 ’An sin gabhaidh athair na h-ighinn (4), agus a màthair agus bheir iad a mach comharan maighdeanais na h-ighinn gu seanairibh a’ bhaile anns a’ gheata. 16 Agus their athair na h-ighinn ris na seanairibh, Thug mi mo nighean do’n duine so ’na mnaoi, agus tha fuath aige oirre: 17 Agus feuch, thug e aobhar cainnte ’na h-aghaidh, ag ràdh, Cha d’fhuair mi do nighean ’na maighdinn; agus gidheadh is iad sin comharan maighdeanais mo nighinn: agus sgaoil- (1) na h-eunaibh òga, iseanaibh. (2) treabhadh. (3) faimean, oirean. (4) na nighinn; na h-inghin. Eir. [TD 339] DEUTERONOMI CAIB. XXIII. idh iad an t-eudach ’an làthair sheanairean a’ bhaile. 18 Agus gabhaidh seanairean a’ bhaile sin an duine, agus smachdaichidh iad e: 19 Agus cuiridh iad ùbhla cheud secel airgid air, agus bheir iad do athair na h-ighinn iad, a chionn gu’n do thog e droch ainm air òigh do chloinn Israeil; agus bithidh i ’na mnaoi aige, cha ’n fheud e a cur uaith r’a bheò. 20 Ach ma tha an ni so fìor, agus nach ’eil comharan maighdeanais r’am faghail do’n nighinn; 21 ’An sin bheir iad a mach an nighean gu dorus tighe a h-athar, agus clachaidh daoine a baile i le clachaibh gus am bàsaich i; a chionn gu’n d’oibrich i amaideachd ann an Israel le strìopachas a dheanamh ann an tigh a h-athar: mar sin cuiridh tu air falbh olc as bhur measg. 22 Ma gheibhear duine a’ luidhe le mnaoi a tha pòsda re fear, ’an sin cuirear gu bàs iad le chéile, an duine a luidh leis a’ mhnaoi, agus a’ bhean: mar sin cuiridh tu olc air falbh o Israel. 23 Ma tha nighean, agus i na h-òigh, fuidh cheangal-posaidh aig fear, agus gu’m faigh duine i ’sa’ bhaile, agus gu’n luidh e leatha: 21 ’An sin bheir sibh a mach iad le chéile gu geatadh a’ bhaile sin, agus clachaidh sibh iad le clachaibh gus am bàsaich iad; an nighean, a chionn nach do ghlaodh i, agus i bhi ’sa’ bhaile; agus am fear, a chionn gu’n d’ìslich e bean a choimhearsnaich: mar sin cuiridh tu air falbh olc as bhur measg. 25 Ach ma gheibh fear ’sa’ mhachair nighean a tha fuidh cheangal-pòsaidh, agus gu’n éignich an duine i, agus gu’n luidh e leatha, ’an sin cuirear a mhàin an duine a luidh leatha gu bàs. 26 Ach air an nighinn cha dean thu bheag sam bith, cha ’n’eil ’san nighinn coire bàis: oir mar an uair a dh’éireas duine suas ’an aghaidh a choimhearsnaich, agus a mharbhas se e, mar sin a ta chùis so: 27 Oir fhuair e ’sa’ mhachair i, agus dh’éigh an nighean a bha fuidh cheangal-pòsaidh, agus cha robh neach ann g’a teasairginn. 28 Ma gheibh duine nighean a tha ’na h-òigh, nach ’eil fuidh cheangal-pòsaidh, agus gu’n dean e greim oirre, agus gu’n luidh e leatha, agus gu’m faighear iad; 29 ’An sin bheir am fear a luidh leatha do athair na h-ighinn leth-cheud secel airgid, agus bithidh i ’na mnaoi aige, a chionn gu’n d’ìslich e i, cha ’n fheud e a cur uaithe r’a bheò. 30 Cha ghabh duine d’a ionnsuidh bean athar, ni mò a leigeas e ris còmhdachadh athar. CAIB. XXIII. CHA d’théid esan aig am bheil a chlochan air am bruthadh (1), no bhall dìomhair air a ghearradh dheth, a steach do cho’-chruinneach an Tighearna. 2 Cha d’théid fear dìolain a steach do cho’-chruinneach an Tighearna; eadhon gu nuig an deicheamh ginealach cha d’théid (1) air an lotadh. [TD 340] DEUTERONOMI. CAIB. XXIII. e steach do cho’-chruinneach an Tighearna. 3 Cha d’théid Amonach no Moabach a steach do cho’-chruinneach an Tighearna; eadhon gus an deicheamh ginealach cha d’théid iad a steach do cho’- chruinneach an Tighearn a chaoidh: 4 A chionn nach do choinnich iad sibh le h-aran agus le h-uisge air an t-slighe, ’nuair a thàinig sibh a mach as an Eiphit, agus a chionn gu’n do thuarasdalaich iad a’d’ aghaidh Balaam mac Bheoir o Phetor na Mesopotamia, chum do mhallachadh. 5 Gidheadh, cha ’n éisdeadh an Tighearn do Dhia re Balaam; ach thionndaidh an Tighearna do Dhia dhuit am mallachadh gu beannachadh, a chionn gu’m bu toigh leis an Tighearna do Dhia thu. 6 Cha ’n iarr thu an sìth, no an sonas rè t’uile làithean gu bràth. 7 Cha ghabh thu gràin do Edomach, oir is e do bhràthair e: cha ghabh thu gràin do Eiphiteach, a chionn gu’n robh thu a’d’ choigreach ’na fhearann. 8 Théid a’ chlann a ghinear leo-san, a steach do cho’-chruinneach an Tighearna, ’nan treas ginealach. 9 ’Nuair a théid t’fheachd (1) a mach ’an aghaidh do naimhdean, ’an sin gleidh thu féin o gach droch ni. 10 Ma bhios ’nar measg duine sam bith nach ’eil glan, a thaobh neo-ghloine a tharlas da ’san oidhche, ’an sin théid e mach as a’ champa, cha d’thig e steach do mheadhon a’ champa. 11 Ach an uair a bhios e dlùth do’n fheasgar, ’an sin nighidh se e féin le h-uisge, agus an uair a théid a’ ghrian fodha (2), thig e steach do mheadhon a’ champa. 12 Bithidh agad àite mar an ceudna an taobh a muigh do’n champa, far an d’ théid thu mach. 13 Agus bithidh pleadhag (3) agad air do chrios (4), agus an uair a shuidheas tu a muigh, cladhaichidh tu leatha, agus tionndaidh tu air t’ais, agus folaichidh tu an ni a thig uait. 14 Oir tha ’n Tighearna do Dhia ag imeachd am meadhon do champa, chum do shaoradh, agus a chum do naimhdean a thoirt thairis romhad: uime sin bithidh do champa naomha, chum nach faic e ni sam bith neo-ghlan annad, agus nach pill e air falbh uait. 15 Cha d’thoir thu suas d’a mhaighsdir an seirbhiseach a chaidh as (5) a’t’ ionnsuidh o mhaighsdir. 16 Maille riut gabhaidh e còmhnuidh ’nar measg, anns an àit a thaghas e, an taobh a stigh aon do d’ gheataibh far an taitniche leis: cha dean thu foirneart air. 17 Cha bhi strìopach air bith do nigheanaibh Israeil, ni mò bhios Sodomach do mhacaibh Israeil. 18 Cha d’thoir thu tuarasdal strìopaich, no luach coin do thigh an Tighearna do Dhé air son bòid sam bith; oir tha iad (1) t’armailt, do champa. (2) fuidhe. (3) sluasaid. (4) air do bhall-airm. (5) theich. [TD 341] DEUTERONOMI. CAIB. XXIV. sin eadhon le chéile ’nan gràinealachd do’n Tighearna do Dhia. 19 Cha d’thoir thu ni sam bith ’an coingheall (1) do d’ bhràthair air riadh (2); riadh airgid, riadh bìdh, riadh ni sam bith a bheirear ’an coingheall air riadh. 20 Do choigreach feudaidh tu ni a thoirt ’an coingheall air riadh, ach do d’ bhràthair cha d’thoir thu ni sam bith ’an coingheall air riadh; a chum gu’m beannaich an Tighearna do Dhia thu anns gach ni ris an cuir thu do làmh ’san fhearann d’am bheil thu dol g’a shealbhachadh. 21 ’Nuair a bheir thu bòid do’n Tighearna do Dhia, cha dean thu moille ’na h-ìocadh: air gu cinnteach iarraidh an Tighearna do Dhia uait i; agus bhiodh e ’na pheacadh dhuit. 22 Ach ma dh’fhanas tu gun bhòid a thoirt, chat bhi e ’na pheacadh dhuit (3). 23 An ni sin a chaidh mach as do bhilibh, coimhididh agus coimhlionaidh tu; a réir mar a bhòidich thu do’n Tighearna do Dhia, eadhon tabhartas saor-thoile, a gheall thu le d’ bheul. 24 ’Nuair a théid thu steach do fhìon-lios do choimhearsnaich, ’an sin feudaidh tu fìon-dhearcan itheadh mar is miann leat, eadhon do shàth; ach cha chuir thu bheag a’d’ shoitheach. 25 ’Nuair a théid thu steach a dh’arbhar do choimhearsnaich, ’an sin feudaidh tu na diasan a spìonadh le d’ làimh, ach corran cha chuir thu ann an arbhar do choimhearsnaich. CAIB. XXIV. ’NUAIR a ghabhas fear bean, agus a phòsas e i, agus gu’n tachair nach faigh i deagh-ghean ’na shùilibh, a chionn gu’n d’fhuair e neo-ghloine éigin innte; ’an sin sgrìobhadh e litir-dhealachaidh (4) dh’i, agus thugadh e ’na làimh i, agus cuireadh e mach as a thigh i. 2 Agus an uair a dh’fhalbhas i mach as a thigh, feudaidh i dol agus a bhi ’na mnaoi aig fear eile. 3 Agus ma dh’fhuathaicheas am fear-pòsda ma dheireadh so i, agus gu’n sgrìobh e litir-dhealachaidh dh’i, agus gu’n d’thoir e ’na làimh i, agus gu’n cuir e mach as a thigh i; no ma gheibh am fear ma dheireadh bàs, a ghabh i ’na mnaoi dha féin; 4 Cha ’n fheud a ceud fhear-pòsda a chuir uaith i, a gabhail a rìs gu bi ’na mnaoi dha, ’an déigh dh’i bhi air a truailleadh: oir is gràinealachd sin ’an làthair an Tighearna, agus cha d’thoir thu air an fhearann (5) peacachadh, a tha ’n Tighearna do Dhia a’ toirt duit mar oighreachd. 5 ’Nuair a ghabhas duine bean nuadh, cha d’théid e mach gu cogadh, ni mò a chuirear cùram gnothuich sam bith air: fanaidh e saor aig a thigh féin aon bhliadhna, agus bheir e subhachas d’a mhnaoi a ghabh e. 6 Cha ghabh duine sam bith a chlach-mhuilinn ìochdrach no uachdrach mar gheall: oir tha e gabhail anma duine mar gheall. (1) iasachd. (2) ann-riadh, ocar. (3) annad. Eabh. (4) litir-dhealaich. (5) sluagh an fhearainn. [TD 342] DEUTERONOMI. CAIB. XXIV. 7 Ma gheibhear duine a’ goideadh aon neach d’a bhràithribh do chloinn Israeil, agus ma ni e ain-tighearnas air (1), no ma reiceas se e; ’an sin cuirear gu bàs an gaduiche sin, agus cuiridh tu olc air falbh as bhur measg. 8 Thoir an aire, ann am plàigh na luibhre, gu’n d’thoir thu fa’near gu dùrachdach, agus gu’n dean thu a réir nan uile nithe a theagaisgeas na sagarta na Lebhithich dhuibh: a réir mar a dh’àithn mi dhoibh, bheir sibh fa’near gu’n dean sibh. 9 Cuimhnich ciod a rinn an Tighearna do Dhia re Miriam air an t-slighe, ’an déigh dhuibh teachd a mach as an Eiphit. 10 ’Nuair a bheir thu do d’ choimhearsnach ni sam bith ’an coingheall, cha d’théid thu steach d’a thigh a ghabhail a ghill. 11 A mach seasaidh tu, agus bheir an duine d’am bheil thu toirt ’an coingheall, an geall a mach dhiut. 12 Agus ma bhios an duine bochd, cha choidil thu le gheall. 13 Air gach aon chor bheir thu air ais (2) dha ’n geall a rìs, ’nuair a théid a’ ghrian fodha, chum gu’n coidil e ’na eudach féin, agus gu’m beannaich e thu: agus bithidh so ’na ionracas dhuit ’an làthair an Tighearna do Dhé. 14 Cha dean thu foirneart air seirbhiseach tuarasdail a tha bochd agus uireasbhuidheach, co dhiubh a tha e do d’ bhràithribh, no do d’ choigrich, a tha ann at’ fhearann an taobh a stigh do d’ gheataibh. 15 Air a là bheir thu dha a thuarasdal, agus cha d’théid a’ ghrian sìos air, oir tha e bochd, agus a’ suidheachadh a chridhe air; air eagal gu’n glaodh e a’t’ aghaidh ris an Tighearna, agus gu’m bi e ’na pheacadh dhuit. 16 Cha chuirear na h-aithreacha gu bàs air son na cloinne, ni mò a chuirear a’ chlann gu bàs air son nan aithreacha: cuirear gach duine gu bàs air son a pheacaidh féin. 17 Cha chlaon (3) thu breitheanas a’ choigrich, no an dìlleachdain, ni mò a ghabhas tu eudach bantraich mar gheall. 18 Ach cuimhnichidh tu gu’n robh thu féin a’d’ thràill ’san Eiphit, agus gu’n do shaor an Tighearna do Dhia thu as sin: uime sin tha mi ag àithneadh dhuit an ni so a dheanamh. 19 ’Nuair a bhuaineas tu (4) t’fhoghar a’d’ achadh, agus a dhi-chuimhnicheas tu sguab ’san achadh, cha phill thu g’a togail: air son a’ choigrich, air son an dìlleachdain, agus air son na bantraich bithidh i: a chum gu’m beannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile oibribh do làmh. 20 ’Nuair a chrathas tu do chroinn-ola, cha d’théid thu thairis air na geugaibh a rìs: air son a’ choigrich, air son an dìlleachdain, agus air son na bantraich bithidh e. 21 ’Nuair a chruinnicheas tu fìon-dhearcan t’fhìon-lios, cha ghlan thu gu buileach a’d’ dhéigh e: air son a’ choigrich, air son an dìlleachdain, agus air son na bantraich bithidh e. 22 Agus cuimhnichidh tu gu’n (1) ma ni e marsantachd leis. (2) ais-iocaidh tu. (3) Cha’n fhiar. (4) ghearras tu sìos. [TD 343] DEUTERONOMI. CAIB. XXV. robh thu a’d’ thràill (1) ann an tìr na h-Eiphit: uime sin tha mi ag àithneadh dhuit an ni so a dheanamh. CAIB. XXV. MA bhios connsachadh eadar dhaoine, agus gu’n d’thig iad gu breitheanas, a chum as gu’n d’thoir na breitheamhna breth orra (2), ’an sin saoraidh iad an t-ionracan, agus dìtidh iad (3) an ciontach. 2 Agus tarlaidh, ma ’s airidh an duine aingidh bhi air a bhualadh, gu’n d’thoir am breitheamh air luidhe sìos, agus a bhi air a bhualadh ’na làthair, a réir a choire, ann an àireamh àraidh do bhuillibh. 3 Dà fhichead buille bheir e dha: cha d’théid e thairis, air eagal nan rachadh e thairis, agus gu’m buaileadh se e os an ceann sin le mòran bhuillibh, ’an sin gu’m biodh do bhràthair tàireil a’d’ shùilibh. 4 Cha chuir thu ceangal air beul an daimh an uair a tha e saltairt (4) an arbhair. 5 ’Nuair a ghabhas bràithrean còmhnuidh maille re chéile, agus gu’m faigh aon diubh bàs, agus gun duine cloinne aige, cha phòs bean a’ mhairbh a mach re coigreach: théid a bràthair-céile steach d’a h-ionnsuidh, agus gabhaidh e dha féin i ’na mnaoi, agus ni e dlighe (5) bràthar-céile rithe (6). 6 Agus éiridh an ceud-ghin mic a bheireas i, suas ann an ainm a bhràthar a ta marbh, a chum nach dubhar a mach ainm a h-Israel. 7 Agus mur toil leis an duine bean a bhràthar a ghabhail, ’an sin théid bean a bhràthar suas do’n gheata chum nan seanairean, agus their i, Tha mo bhràthair-céile a’ diùltadh ainm a thogail suas d’a bhràthair ann an Israel, cha ’n àill leis dlighe bràthar-céile dheanamh rium. 8 ’An sin gairmidh seanairean a’ bhaile air, agus labhraidh iad ris: agus ma sheasas e mach, agus gu’n abair e, Cha ’n àill leam a gabhail; 9 ’An sin thig bean a bhràthar d’a ionnsuidh ’an làthair nan seanairean, agus fuasglaidh i a bhròg bhàrr a choise, agus tilgidh i smugaid ’na eudain, agus freagraidh agus their i, Mar so nìthear ris an duine nach tog suas tigh a bhràthar. 10 Agus goirear ainm ann an Israel, Tigh an fhir aig am bheil a bhròg fuasgailte. 11 ’Nuair a bhios daoine re comh-stri’ cuideachd, neach re neach eile, agus gu’n d’thig bean a h-aon diubh am fagus a dh’fhuasgladh a fir-pòsda a làimh an fhir a tha ’ga bhualadh, agus gu’n sìn i mach a làmh, agus gu’n gabh i greim air a bhuill dìomhair: 12 ’An sin gearraidh tu dhith a làmh; cha ghabh do shùil truas dith. 13 Cha bhi agad ann ad mhàla (7) aon chothrom (8) agus cothrom eile; cothrom mòr agus beag. 14 Cha bhi agad ann ad thigh aon soitheach (9), agus soitheach eile tomhais; soitheach mòr agus beag. 15 Cothrom iomlan agus ceart (1) a’d’ dhuine daor. (2) eatorra. (3) fàgaidh iad shìos. (4) bualadh. (5) dleasdanas. (6) ria. (7) bhalg. (8) chlach. Eabh. (9) eathar-tomhais; ephah. Eabh. [TD 344] DEUTERONOMI. CAIB. XXVI. bithidh agad; soitheach-tomhais iomlan agus ceart bithidh agad: a chum gu’m buanaichear do làithean anns an fhearann a tha ’n Tighearna do Dhia a’ tabhairt duit. 16 Oir tha iadsan uile a ni na nithe sin, iadsan uile a ni gu h-eucorach, ’nan gràineileachd do’n Tighearna do Dhia. 17 Cuimhnich ciod a rinn Amalec ort ’san t-slighe, ’nuair a thàinig sibh a mach as an Eiphit: 18 Cionnus a choinnich e thu ’san t-slighe, agus a bhuail e chuid bu deireanaiche dhìot, eadhon iadsan uile a bha lag a’d’ dhéigh, an uair a bha thu fann agus sgìth, agus nach robh eagal Dé air. 19 Uime sin an uair a bheir an Tighearna do Dhia fois duit o d’ naimhdibh uile mu’n cuairt, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhuit mar oighreachd r’a shealbhachadh, dubhaidh tu as cuimhne Amaleic o bhi fuidh nèamh; cha dì-chuimhnich thu e. CAIB. XXVI. AGUS an uair a théid thu stigh do’n fhearann a tha ’n Tighearna do Dhia a’ toirt dhuit mar oighreachd, agus a shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu còmhnuidh ann; 2 ’An sin gabhaidh tu do’n cheud chuid do uile thoradh na talmhainn, a bheir thu leat do t’fhearann a tha ’n Tighearna do Dhia a’ tabhairt duit, agus cuiridh tu ann am bascaid e, agus théid thu chum an àite a thaghas an Tighearna do Dhia, a chur ainme ’an sin. 3 Agus théid thu dh’ionnsuidh an t-sagairt a bhios anns an laithibh sin, agus their thu ris, Tha mi ag aideachadh air an là ’n diugh do’n Tighearna do Dhia, gu’n d’thàinig mi do’n dùthaich a mhionnaich an Tighearna d’ar n-aithreachaibh gu’n d’thugadh e dhuinn. 4 Agus gabhaidh an sagart a’ bhascaid as do làimh, agus cuiridh e sìos i air beulaobh altarach an Tighearna do Dhé. 5 Agus freagraidh tu agus their thu ’an làthair an Tighearna do Dhé, Bu Shirianach air sheòl a bhi caillte m’athair, agus chaidh e sìos do’n Eiphit, agus bha e air chuairt ’an sin le beagan cuideachd, agus dh’fhàs e ’n sin ’na chinneach mòr, cumhachdach agus lìonmhor. 6 Agus bhuin na h-Eiphitich gu h-olc ruinn (1), agus shàraich iad sinn, agus chuir iad daorsa chruaidh oirn. 7 Agus ghlaodh sinn ris an Tighearna, Dia ar n-aithreacha; agus dh’éisd an Tighearna r’ar guth, agus dh’amhairc e air ar n-àmhghar agus ar saothair, agus ar foirneart. 8 Agus thug an Tighearna mach sinn as an Eiphit le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte mach, agus le h-uamhann mòr, agus le comharaibh, agus le h-iongantasaibh. 9 Agus thug e sinn do’n àite so, agus thug e dhuinn am fearann so, fearann a tha sruthadh le bainne agus mil. 10 Agus a nis feuch, thug mi (1) reinn. [TD 345] DEUTERONOMI. CAIB. XXVII. leam ceud thoradh an fhearainn, a thug thusa, a Thighearna, dhomh: agus cuiridh tu e ’am fianuis an Tighearna do Dhé, agus ni thu aoradh (1) ’am fianuis an Tighearna do Dhé. 11 Agus ni thu gairdeachas anns gach ni math a thug an Tighearna do Dhia dhuit, agus do d’ thigh, thu féin, agus an Lebhitheach, agus an coigreach a bhios ’nar measg. 12 ’Nuair a chuireas tu crìoch air deachamh a thoirt seachad, eadhon uile dheachamh do chinneis (2) air an treas bliadhna, bliadhna an deachaimh, agus a bheir thu e do’n Lebhitheach, do’n choigreach, do’n dìlleachdan, agus do’n bhantraich, a chum gu’n ith iad an taobh a stigh do d’ gheataibh, agus gu’n sàsuichear iad; 13 ’An sin their thu ’am fianuis an Tighearna do Dhé, Thug mi leam na nithe naomha as mo thigh, agus mar an ceudna thug mi iad do’n Lebhitheach, agus do’n choigreach, do’n dìlleachdan, agus do’n bhantraich, a réir t’àitheantan uile a dh’àithn thu dhomh: cha do bhris mi h-aon do t’àitheantaibh, ni mò a dhi-chuimhnich mi iad. 14 Cha d’ith mi bheag dhiubh a’m’ bhròn, ni mò a ghabh mi bheag dhiubh gu feum neo-ghlan sam bith, ni mò a thug mi bheag dhiubh air son a’ mhairbh: dh’éisd mi re guth an Tighearna mo Dhé; rinn mi a réir nan uile nithe a dh’àithn thu dhomh. 15 Amhairc a nuas o ionad-còmhnuidh do naomhachd, o nèamh, agus beannaich do shluagh Israel, agus am fearann a thug thu dhuinn, mar a mhionnaich thu d’ar n-aithreachaibh, fearann a tha sruthadh le bainne agus mil. 16 Air an là’n diugh dh’àithn an Tighearna do Dhia dhuit na reachdan agus na breitheanais sin a dheanamh: uime sin coimhididh agus ni thu iad le d’ uile chridhe agus le d’ uile anam. 17 Rinn thu roghainn (3) an diugh do’n Tighearna gu bhi ’na Dhia dhuit, agus gu gluasad ’na shlighibh, agus gu reachdan a ghleidheadh, agus àitheanta, agus a bhreitheanais, agus gu éisdeachd r’a ghuth. 18 Agus thagh (4) an Tighearna thusa an diugh gu bhi a’d’ shluagh sònraichte dha féin, mar a gheall (5) e dhuit, agus a chum gu’n gleidheadh tu àitheantan uile; 19 Agus a chum gu’n deanadh e ard thu os cionn nan uile chinneach a rinn e, ann an cliu, agus ann an ainm, agus ann an urram, agus a chum gu’m bitheadh tu a’d’ shluagh naomha do’n Tighearna do Dhia, mar a labhair e. CAIB. XXVII. AGUS dh’àithn Maois agus seanairean Israeil do’n t-sluagh, ag ràdh, Gleidhibh na h-àitheantan uile a tha mi ag àithneadh dhuibh an diugh. 2 Agus tarlaidh air an là anns an d’théid sibh thar Iordan do’n fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhuit, gu’n cuir thu suas dhuit féin clacha mòra, agus còmhdaichidh tu thairis le h-aol iad. (1) àdhradh. (2) phisich, fhàs. (3) dh’aidich thu. (4) roghnuich. (5) labhair. Eabh. [TD 346] DEUTERONOMI. CAIB. XXVII. 3 Agus sgrìobhaidh tu orra uile bhriathran an lagha so, ’nuair a théid thu thairis, a chum as gu’n d’théid thu steach do’n fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhuit, fearann a tha sruthadh le bainne agus le mil; mar a gheall an Tighearna Dia t’aithreacha dhuit. 4 Uime sin an uair a théid sibh thar Iordan, cuiridh sibh suas na clachan sin, a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là’n diugh ann an sliabh Ebail, agus còmhdaichidh tu thairis le h-aol iad. 5 Agus ’an sin togaidh tu suas altair do’n Tighearna do Dhia, altair do chlachaibh: cha tog thu suas inneal iaruinn sam bith orra. 6 Do chlachaibh slàna togaidh tu altair an Tighearna do Dhé, agus bheir thu suas oirre ìobairte-loisgte do’n Tighearna do Dhia. 7 Agus ìobraidh tu ìobairte-sìth, agus ithidh tu ’n sin, agus ni thu gairdeachas ’an làthair an Tighearna do Dhé. 8 Agus sgrìobhaidh tu air na clachaibh uile bhriathran an lagha so gu ro-shoilleir. 9 Agus labhair Maois, agus na sagairt na Lebhithich, re h-Israel uile, ag ràdh, Thoir an aire, agus éisd, O Israel; air an là’n diugh rinneadh thu a’d’ shluagh (1) do’n Tighearna do Dhia. 10 Uime sin éisdidh tu re guth an Tighearna do Dhé, agus ni thu àitheanta, agus a reachdan a tha mi ag àithneadh dhuit air an là’n diugh. 11 Agus dh’àithn Maois do’n t-sluagh air an là sin féin, ag ràdh, 12 Seasaidh iad so air sliabh Gheridsim a bheannachadh an t-sluaigh, ’nuair a théid sibh thar Iordan; Simeon, agus Lebhi, agus Iudah, agus Isachar, agus Ioseph, agus Beniamin. 13 Agus seasaidh iad so air sliabh Ebail a mhallachadh; Reuben, Gad, agus Aser, agus Sebulun, Dan, agus Naphtali. 14 Agus labhraidh na Lebhithich, agus their iad re daoinibh Israeil uile le guth ard; 15 Mallaichte gu robh an duine a ni dealbh snaidhte (2) no leaghta, gràineileachd do’n Tighearna, obair làmh an fhir-cheird, agus a chuireas e ann an ionad dìomhair: agus freagraidh an sluagh uile, agus their iad, Amen. 16 Mallaichte gu robh esan a ni tàir air athair no air a mhàthair: agus their an sluagh uile, Amen. 17 Mallaichte gu robh esan a dh’atharraicheas crìoch (3) fearainn a choimhearsnaich (4): agus their an sluagh uile, Amen. 18 Mallaichte gu robh esan a chuireas an dall air seacharan ’san t-slighe: agus their an sluagh uile, Amen. 19 Mallaichte gu robh esan a chlaonas breitheanas a’ choigrich, an dìlleachdain, agus na bantraich: agus their an sluagh uile, Amen. 20 Mallaichte gu robh esan a luidheas le mnaoi athar, a chionn gu bheil e leigeadh ris còmhdach athar: agus their an sluagh uile, Amen. (1) ’nad phobull. (2) ìomhaigh ghràbhalta. (3) comhara; teòran. Eir. (4) a nàbuidh. [TD 347] DEUTERONOMI. CAIB. XXVIII. 21 Mallaichte gu robh esan a luidheas le h-ainmhidh sam bith: agus their an sluagh uile, Amen. 22 Mallaichte gu robh esan a luidheas le phiuthair, nighean athar, no nighean a mhàthar: agus their an sluagh uile, Amen. 23 Mallaichte gu robh esan a luidheas le mhàthair-chéile: agus their an sluagh uile, Amen. 24 Mallaichte gu robh esan a bhuaileas a choimhearsnach gu h-uaigneach (1): agus their an sluagh uile, Amen. 25 Mallaichte gu robh esan a ghabhas duais (2) air son duine neo-chiontach a mharbhadh (3): agus their an sluagh uile, Amen. 26 Mallaichte gu robh esan nach daingnich uile bhriathran an lagha so chum an deanamh: agus their an sluagh uile, Amen. CAIB. XXVIII. AGUS tarlaidh, ma dh’éisdeas tu gu dùrachdach re guth an Tighearna do Dhé, a choimhead agus a dheanamh àitheantan uile, a tha mi ag àithneadh dhuit air an là’n diugh, gu’n cuir an Tighearna do Dhia suas thu os cionn an Tighearna do Dhia suas thu os cionn uile chinneacha na talmhainn. 2 Agus thig na beannachda so uile ort, agus beiridh iad ort, ma dh’éisdeas tu re guth an Tighearna do Dhé. 3 Beannaichte bithidh tu ’sa’ bhaile, agus beannaichte bithidh tu ’sa’ mhachair. 4 Beannaichte bithidh toradh do chuirp, agus toradh t’fhearainn, agus toradh do spréidhe, fàs do chruidh (4), agus treuda do chaorach. 5 Beannaichte bithidh do bhascaid agus do chuibhrionn (5). 6 Beannaichte bithidh tu ’nuair a thig thu stigh, agus beannaichte bithidh tu ’nuair a théid thu muigh. 7 Bheir an Tighearna fa’near gu’m bi do naimhdean, a dh’éireas suas a’t’ aghaidh, air am bualadh roimh do ghnùis: thig iad a mach a’t’ aghaidh air aon slighe, agus teichidh iad romhad air seachd slighibh. 8 Aithnidh an Tighearn am beannachd ort a’d’ thighibh-tasgaidh (6), agus anns gach ni ris an cuir thu do làmh: agus beannaichidh e thu ’san fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhuit. 9 Daingnichidh an Tighearn thu a’d’ shluagh naomha dha féin, mar a mhionnaich e dhuit, ma ghleidheas tu àitheantan an Tighearna do Dhé, agus ma ghluaiseas tu ’na shlighibh. 10 Agus chi uile chinnich na talmhainn gu’n goirear ainm an Tighearn ort, agus bithidh eagal orra romhad. 11 Agus ni an Tighearna saibhir (7) thu ann am maoin, ann an toradh do chuirp, agus ann an toradh do spréidhe, agus ann an toradh do thalmhainn anns an talamh a mhionnaich an Tighearna do t’ aithreachaibh a thabhairt duit. 12 Fosglaidh an Tighearna dhuit a dheagh ionmhas (8), na (1) ’am feill. (2) ceannach. (3) air son fuil neo-chiontach a dhòrtadh. (4) do bhò. (5) stòr. (6) thighibh-stòir, shaibhlibh. (7) pailt. (8) thaisgeach. [TD 348] DEUTERONOMI. CAIB. XXVIII. nèamhan a thoirt uisge do t’fhearann ’na àm, agus a bheannachadh uile oibre do làimh; agus bheir thu ’n iasachd (1) do mhòran chinneach, agus cha ghabh thu ’n iasachd. 13 Agus ni an Tighearn an ceann dhìot, agus ni h-e an t-earball (2); agus bithidh tu mhàin ’an uachdar, agus cha bhi thu ’n ìochdar: ma dh’éisdeas tu re àitheantaibh an Tighearna do Dhé, a tha mi ag àithneadh dhuit air an là’n diugh gu’n coimhead agus gu’n dean thu iad. 14 Agus cha d’théid thu thaobh o aon air bith do na briathraibh a tha mi ag àithneadh dhuit an diugh, a chum na làimhe deise no chum na làimhe clìthe, a dhol ’an déigh dhiathan eile dheanamh seirbhis doibh. 15 Ach tarlaidh, mur éisd thu re guth an Tighearna do Dhé, a thoirt fa’near gu’n dean (3) thu àitheantan agus a reachdan uile a tha mi ag àithneadh dhuit an diugh, gu’n d’thig na mallachda so uile ort, agus gu’m beir iad ort. 16 Mallaichte bithidh tu ’sa’ bhaile, agus mallaichte bithidh tu ’sa’ mhachair. 17 Mallaichte bithidh do bhascaid agus do chuibhrionn. 18 Mallaichte bithidh toradh do chuirp, agus toradh t’fhearainn, fàs do chruidh (4), agus treudan do chaorach. 19 Mallaichte bithidh tu ’nuair a thig thu stigh, agus mallaichte bithidh tu ’nuair a théid thu mach. 20 Cuiridh an Tighearn ort mallachadh, mi-shuaimhneas (5), agus achmhasan anns gach ni ris an cuir thu do làmh gu dheanamh, gus an sgriosar thu, agus gus an d’théid as duit gu h-obann, air son aingidheachd do ghnìomhara leis an do thréig thu mise. 21 Bheir an Tighearn air a’ phlàigh leantuinn riut gus an claoidh e thu bhàrr an fhearainn, d’am bheil thu dol a steach g’a shealbhachadh. 22 Buailidh an Tighearn thu le caitheamh (6) agus le fiabhrus (7), agus le h-ain-teas, agus le h-ard-losgadh, agus leis a’ chlaidheamh, agus le seargadh (8), agus le fuar-dhealt (9): agus leanaidh iad thu gus an d’théid as duit. 23 Agus bithidh do speuran a ta os do cheann ’nan umha (10), agus an talamh a ta fodhad ’na iarunn. 24 Ni an Tighearn uisge t’fhearainn ’na luaithre agus ’na dhuslach: o nèamh thig e nuas ort, gus an sgriosar thu. 25 Bheir an Tighearna fa’-near gu’m buailear thu air beulaobh do naimhdean: théid thu mach air aon slighe (11) ’nan aghaidh, agus teichidh tu rompa air seachd slighibh; agus atharraichear thu chum uile rioghachda na talmhainn. 26 Agus bithidh do chlosach (12) ’na biadh aig uile eunlaith an athair, agus aig beathaichibh na talmhainn, agus cha ’n fhuadaich duine sam bith air falbh iad. 27 Buailidh an Tighearn thu le neasgaid na h-Eiphit, agus le (1) coingheall. (2) iorball. (3) gu’n coimhlion. (4) àl do bhò. (5) carraid. (6) éitich. (7) teasaich, cuartaich. (8) gaiseadh, losgadh-dealanaich. (9) crith-reodh. (10) prais. (11) ròd, rathad. (12) do chairbh, do chorp marbh. [TD 349] DEUTERONOMI. CAIB. XXVIII. ruidh fola (1), agus le càrr, agus le cloimh (2), do nach bi e’n comas do leigheas. 28 Buailidh an Tighearn thu le cuthach, agus le doille, agus le h-uamhann cridhe. 29 Agus smeuraichidh tu (3) mu mheadhon-là, mar a smeuraicheas an dall ’san dorchadas, agus cha soirbhich leat a’d’ shlighibh: agus bithidh tu mhàin fuidh fhoirneart, agus air do chreachadh a ghnàth, agus cha teasairg duine sam bith thu. 30 Ni thu ceangal-pòsaidh (4) re mnaoi, agus luidhidh fear eile leatha: togaidh tu tigh, agus cha ghabh thu còmhnuidh ann: suidhichidh tu fìon-lios agus cha tionail thu fhìon-dhearcan. 31 Marbhar do dhamh fa chomhair do shùl, agus cha ’n ith thu dheth: bheirear air falbh t’asal a dh’aindeoin as do làthair, agus cha d’thoirear air a h-ais (5) dhuit i: bheirear do chaoraich do d’ naimhdibh, agus cha bhi neach agad a bheir uatha iad. 32 Bheirear do mhic agus do nigheana do shluagh eile, agus chi do shùilean, agus fàilnichidh iad le fadal air an son (6) rè an là: agus cha bhi neart sam bith a’d’ làimh. 33 Toradh t’fhearainn, agus do shaothair uile, ithidh cinnneach suas, nach b’aithne dhuit; agus bithidh tu mhàin fuidh fhoirneart agus air do bhruthadh ’an còmhnuidh: 34 Air chor as gu’m bi thu air mhi-chéill, air son seallaidh do shùl a chi thu. 35 Buailidh an Tighearn thu ’sna glùinibh agus anns na casaibh, le neasgaid chràitich nach gabh leigheas, o bhonn do choise gu mullach do chinn. 36 Bheir an Tighearn thu féin, agus do righ a chuireas tu os do cheann gu cinneach nach b’aithne aon chuid duit féin no do t’aithreachaibh; agus ’an sin ni thu seirbhis do dhéibh eile, do fhiodh agus do chloich. 37 Agus bithidh tu a’t’ uamhas (7), a’d’ shamhladh (8), agus a’d’ leth-fhocal (9) am measg nan uile chinneach gus an treòraich an Tighearn thu. 38 Bheir thu mòran sìl a mach do’n fhearann, ach is beag a chruinnicheas tu stigh: oir ithidh an locust suas e. 39 Suidhichidh tu fìon-liosan agus deasaichidh tu iad; ach cha’n òl thu do’n fhìon, ni mò a chruinnicheas tu na dearcan: oir ithidh a’ chnuimh iad. 40 Bithidh croinn-ola agad air feadh do chrìochan uile, ach cha ’n ung thu thu féin leis an ola: oir tilgidh do chrann-ola a thoradh. 41 Ginidh tu mic agus nigheana, ach cha mheal thu iad: oir théid iad ’am braighdeanas. 42 Do chraobhan uile agus toradh t’fhearainn millidh (10) an locust. 43 Eiridh an coigreach a tha ’nar measg suas gu ro-ard os do cheann; agus thig thusa nuas gu ro-ìosal. 44 Bheir e ’n iasachd dhuit, agus cha d’thoir thusa ’an iasachd dha: bithidh esan ’na (1) hemorrhoids. Sasg. (2) claimh. Eir. (3) iarraidh tu fo-làimh. (4) réiteachadh-pòsaidh. (5) cha ’n ais-iocar. (6) le déigh orra. (7) uamhann. (8) ghnàth-fhocal. (9) fhor-fhocal, ath-dhàn, fhrith-ainm. (10) sealbhaichidh. [TD 350] DEUTERONOMI. CAIB. XXVIII. cheann, agus bithidh tusa a’d’ earball. 45 Agus thig na mallachda sin uile ort, agus leanaidh (1) iad thu, agus beiridh iad ort, gus an sgriosar thu; a chionn nach d’éisd thu re guth an Tighearna do Dhé, a ghleidheadh àitheantan agus a reachdan a dh’àithn e dhuit. 46 Agus bithidh iad ort mar chomhar agus mar iongantas, agus air do shliochd a chaoidh. 47 A chionn nach d’rinn thu seirbhis do’n Tighearna do Dhia le gairdeachas, agus le subhachas cridhe, air son pailteis nan uile nithe: 48 Uime sin ni thu seirbhis do d’ naimhdibh a chuireas an Tighearn a’t’ aghaidh, ann an ocras, agus ann an tart, agus ann an lomnochdaidh, agus ann an uireasbhuidh nan uile nithe: agus cuiridh e cuing iaruinn air do mhuineal, gus an cuir e as duit. 49 Bheir an Tighearn cinneach a’t’ aghaidh o ionad fad o làimh, o iomall ’na talmhainn, mar an iolair air iteig; cinneach nach tuig thu ’n cainnt: 50 Cinneach aig am bheil aghaidh bhorb (2), nach d’thoir urram do ghnùis an aosmhoir, agus nach dean iochd ris an òg. 51 Agus ithidh e toradh do spréidhe, agus toradh t’fhearainn, gus an sgriosar thu: neach nach fàg agad arbhar, fìon, no ola, fàs do chruidh, no treudan do chaorach, gus an cuir e as duit. 52 Agus teannaichidh e thu (3) ann ad gheataibh uile, gus am brisear sìos (4) do bhallachan arda agus daingnichte, anns an robh do dhòigh, air feadh t’fhearainn uile; agus teannaichidh e thu ann ad gheataibh air feadh t’fhearainn uile a thug an Tighearna do Dhia dhuit. 53 Agus ithidh tu toradh do chuirp féin, feoil do mhac agus do nigheana (a thug an Tighearna do Dhia dhuit) anns a’ chogadh agus anns an teinn (5) leis an teannaich do naimhdean thu: 54 Air chor as an duine a ta maoth ’nar measg agus ro-shòghar (6), gu’m bi a shùil olc a thaobh a bhràthar, agus a thaobh mnà uchd féin, agus a thaobh iarmaid (7) a chloinne a dh’fhàgas e: 55 Air chor as nach d’thoir e do h-aon diubh a’ bheag do fheoil a chloinne a dh’itheas e: a chionn nach fàgar a’ bheag aige sa’ chogadh (8) agus anns an teinn leis an teannaich do naimhdean thu a’d’ gheataibh uile. 56 A’ bhean mhaoth agus shòghar ’nar measg, nach dùraigeadh bonn a coise a chur air an talamh a thaobh muirn (9) agus maothalachd (10), bithidh a sùil olc a thaobh fir-pòsda a h-uchd, agus a thaobh a mic, agus a thaobh a h-ighinn, 57 Agus a thaobh a maothrain a thig a mach o eadar a cosaibh, agus a thaobh a cloinne a bheireas i: oir ithidh i iad a dh’uireasbhuidh nan uile nithe ’an dìomhaireachd anns a’ chogadh, agus anns an teinn leis an (1) ruagaidh. (2) gharg. (3) cuiridh e séisd riut, suidhidh e umad, cuairtichidh e thu. (4) an tuit sìos. (5) teanndachd, chumhainge. (6) delicate, luxurious. Sasg. (7) fuigheall. (8) ’san t-séisd. (9) grinneis, sògh. (10) maothachd. [TD 351] DEUTERONOMI. CAIB. XXIX. teannaich do nàmhaid thu a’d’ gheataibh. 58 Mur d’thoir thu an aire uile bhriathran an lagha so a dheanamh a tha sgrìobhta ’san leabhar so, a chum gu’m bi eagal an ainm ghlòrmhoir agus uamhasaich so ort, AN TIGHEARNA DO DHIA: 59 ’An sin ni an Tighearna do phlàighean iongantach, agus plàighean do shliochd, eadhon plàighean mòra agus maireannach, agus eucailean cràiteach agus fadalach. 60 A bhàrr air so bheir e ort uile ghalaran na h-Eiphit, roimh an robh eagal ort; agus leanaidh iad riut. 61 Mar an ceudna gach tinneas, agus gach plàigh, nach ’eil sgrìobhta ann an leabhar an lagha so, iad sin bheir an Tighearn ort, gus an sgriosar thu. 62 Agus fàgar sibh tearc ann an àireamh, ’an àite gu’n robh sibh mar reulta nèimh ’an lìonmhoireachd; a chionn nach d’éisd thu re guth an Tighearna do Dhé. 63 Agus tarlaidh, mar a rinn an Tighearna gairdeachas os bhur ceann a dheanamh maith dhuibh, agus gu’r deanamh lìonmhor, mar sin gu’n dean an Tighearna gairdeachas os bhur ceann gu’r sgrios, agus gu’r toirt gu neo-ni; agus spìonar sibh as an fhearann d’am bheil sibh a’ dol g’a shealbhachadh. 64 Agus sgapaidh an Tighearn thu am measg nan uile chinneach, o’n dara ceann do’n talamh eadhon gus an ceann eile do’n talamh; agus ’an sin ni thu seirbhis do dhéibh eile, nach b’aithne aon chuid duit féin no do t’aithreachaibh, eadhon do fhiodh agus do chloich. 65 Agus am measg nan cinneach sin cha’n fhaigh thu suaimhneas sam bith, ni mò bhios fois aig bonn do choise: ach bheir an Tighearna dhuit ’an sin cridhe gealtach, agus fàilneachadh agus doilgheas (1) inntinn. 66 Agus bithidh do bheatha crochta ann an amharus (2) fa d’ chomhair; agus bithidh eagal ort a là ’sa dh’oidhche, agus cha bhi cinnte air bith agad do d’ bheatha. 67 ’Sa’ mhadainn their thu, Och! nach b’e ’m feasgar e; agus ’san fheasgar their thu, Och! nach b’i mhadainn e; air son eagail do chridhe le’m bi eagal ort, agus air son seallaidh do shùl a chi thu. 68 Agus bheir an Tighearna rìs thu do’n Eiphit ann an longaibh, air an t-slighe mu’n dubhairt mi riut, Cha ’n fhaic thu rìs i tuilleadh: agus ’an sin reicear sibh re’r naimhdibh mar thràillean agus mar bhan-tràillean, agus cha bhi neach ann gu’r ceannach. CAIB. XXIX. IS iad sin briathran a’ choi’-cheangail a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a dheanamh re cloinn Israeil, ann an tìr Mhoaib, a thuilleadh air a’ choi’-cheangal a rinn e riu ann an Horeb. 2 Agus thug Maois gairm do Israel uile, agus thubhairt e riu, Chunnaic sibh gach ni a rinn an Tighearna fa chomhair bhur sùl (1) bròn, dubhachas. (2) ’an teagamh. [TD 352] DEUTERONOMI. CAIB. XXIX. ann an tìr na h-Eiphit, re Pharaoh, agus r’a sheirbhisich uile, agus r’a fhearann uile; 3 Na deuchainnean (1) mòra a chunnaic do shùilean, na comharan agus na h-iongantasan mòra sin: 4 Gidheadh cha d’thug an Tighearna dhuibh cridhe a thuigsinn (2) agus sùilean a dh’fhaicinn, agus cluasan a chluinntinn gus an là’n diugh. 5 Agus threòraich mise sibh dà fhichead bhliadhna ’san fhàsach: cha do chaitheadh bhur n-eudach dhibh le h-aois (3), agus cha do chaitheadh do bhròg le h-aois bhàrr do choise. 6 Cha d’ith sibh aran, ni mò dh’òl sibh fìon, no deoch làidir; a chum gu’m biodh fios agaibh gur mise an Tighearna bhur Dia. 7 Agus an uair a thàinig sibh do’n àite so, thàinig Sihon righ Hesboin, agus Og righ Bhasain, a mach ’nar n-aghaidh chum catha, agus bhuail sinn iad; 8 Agus ghlac sinn am fearann, agus thug sinn e mar oighreachd do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-thréibh Mhanaseh. 9 Gleidhibh uime sin briathran a’ choi’-cheangail so, agus deanaibh iad, a chum gu soirbhich leibh anns gach ni a ni sibh. 10 Tha sibh uile ’nar seasamh an diugh ’an làthair an Tighearna bhur Dé; ceannardan bhur treubha (4), bhur seanairean, agus bhur luchd-riaghlaidh, fir Israeil uile, 11 Bhur clann bheag, bhur mnài, agus do choigreach a tha ann ad champa, o fhear-gearraidh t’fhiodha gu fear-tarruing t’uisge: 12 A chum gu’n rachadh tu ann an coi’-cheangal ris an Tighearna do Dhia, agus ’na mhionnaibh-san, a tha’n Tighearna do Dhia a’ deanamh riut air an là’n diugh: 13 A chum gu’n daingnich e thu an diugh mar shluagh dha féin, agus gu’m bi esan dhuitse ’na Dhia, mar a thubhairt e riut, agus mar a mhionnaich e do t’aithreachaibh, do Abraham, do Isaac, agus do Iacob. 14 Agus cha’n ann ribhse mhàin a tha mise a’ deanamh a’ choi’-cheangail so, agus nam mionna so; 15 Ach ris-san a tha ’n so maille ruinn ’na sheasamh an diugh ’an làthair an Tighearna ar Dé, agus mar an ceudna ris-san nach ’eil ’an so maille ruinn an diugh: 16 (Oir is aithne dhuibh cionnus a bha sinn a chòmhnuidh ann an tìr na h-Eiphit, agus cionnus a thàinig sinn tre mheadhon nan cinneach air an deachaidh sibh seachad; 17 Agus chunnaic sibh an gràinealachdan, agus an ìodholan (5), fiodh agus clach, airgiod agus òr, a bha ’nam measg) 18 Air eagal gu’m biodh ’nar measg fear, no bean, no teaghlach, no treubh, a chlaonas a chridhe air falbh an diugh o’n Tighearn ar Dia, a dhol a dheanamh seirbhis do dhéibh nan cinneach sin; air eagal gu’m biodh ’nar measg freumh a bheir uaithe mar thoradh nimh (6) agus searbhas (7). (1) dearbhan, buaireanna. (2) a mhothachadh. (3) cha d’fhàs bhur n-eudach sean umaibh. (4) bhur cinn-fheadhna agus bhur treubha. (5) diathan-bréige. (6) neimh, puinsion, domblas. (7) burmaid. [TD 353] DEUTERONOMI. CAIB. XXX. 19 Agus an uair a chluinneas e briathran a’ mhallachaidh so, ’an sin gu’m beannaich se e féin ’na chridhe, ag ràdh, Bithidh sìth agam, ge do ghluais mi ann an an-miann (1) mo chridhe féin, a chur misge re pathadh: 20 Cha chaomhain an Tighearn e, ach ’an sin cuiridh fearg an Tighearna, agus eud smùid diubh ’an aghaidh an duine sin, agus luidhidh gach mallachadh air a tha sgrìobhta ’san leabhar so, agus dubhaidh an Tighearna mach ainm o bhi fuidh nèamh. 21 Agus sgaraidh an Tighearn e chum uilc, a mach a treubhaibh Israeil uile, a réir uile mhallachdan a’ choi’-cheangail, a tha sgrìobhta ann an leabhar an lagha so. 22 Air chor as gu’n abair an ginealach re teachd, bhur clann a dh’éireas suas ’nar déigh, agus an coigreach a thig o thìr fad o làimh, ’nuair a chi iad plàighean an fhearainn sin, agus eucailean a leag an Tighearn air; 23 Agus gu bheil a thalamh uile ’na ’phronnasg, agus ’na shalann, agus ’na losgadh; nach ’eil e air a chur, no toirt toraidh (2) uaith, agus nach ’eil feur sam bith a’ fàs ann, cosmhuil re sgrios Shodoim agus Ghomorraih, Admaih agus Sheboim, a sgrios an Tighearna ’na fheirg agus ’na chorruich: 24 Their eadhon na h-uile chinnich, C’ar son a bhuin an Tighearna mar so ris an fhearann so? Ciod is ciall do theas na corruiche mòire so? 25 ’An sin their daoine, A chionn gu’n do thréig iad coi’-cheangal an Tighearna Dé an aithreacha, a rinn e riu ’nuair a thug e mach iad a tìr na h-Eiphit. 26 Oir chaidh iad agus rinn iad seirbhis do dhéibh eile, agus rinn iad aoradh (3) dhoibh, dée nach b’aithne dhoibh, agus nach d’thug esan doibh (4). 27 Agus las corruich an Tighearn ’an aghaidh an fhearainn so, a thoirt nam mallachdan sin uile air a tha sgrìobhta ’san leabhar so. 28 Agus spìon an Tighearn a mach iad as am fearann ann am feirg, agus ann an corruich, agus ann an lasan (5) ro-mhòr, agus thilg e iad do dhùthaich eile, mar air an là’n diugh. 29 Buinidh na nithe dìomhair do’n Tighearn ar Dia, ach na nithe a ta foillsichte dhuinne, agus d’ar cloinn a chaoidh, a chum as gu’n dean sinn uile bhriathran an lagha so. CAIB. XXX. AGUS an uair a thig na nithe so uile ort, am beannachadh agus am mallachadh, a chuir mise romhad, agus a chuimhnicheas tu orra am measg nan cinneach uile chum an d’fhògair an Tighearna do Dhia thu, 2 Agus a philleas tu dh’ionnsuidh an Tighearna do Dhé, agus a bheir thu géill d’a ghuth a réir nan uile nithe a tha mise ag àithneadh dhuit air an là’n diugh, thu féin agus do chlann, (1) aingidheachd, smuaintibh. (2) cinneis. (3) shleuchd iad. (4) nach do bhuilich a’ bheag orra. (5) fraoch feirge. [TD 354] DEUTERONOMI. CAIB. XXX. le t’ uile chridhe, agus le t’ uile anam: 3 ’An sin bheir an Tighearna do Dhia air ais do bhraighdeanas, agus ni e iochd riut, agus pillidh e agus cruinnichidh e thu as na h-uile chinnich a chum an do sgap an Tighearna do Dhia thu. 4 Ma dh’fhògradh neach agad gus a’ chuid a’s iomallaiche do nèamh, as sin cruinnichidh an Tighearna do Dhia thu, agus as sin bheir e thu: 5 Agus bheir an Tighearna do Dhia thu do’n fhearann a shealbhaich t’aithreacha, agus sealbhaichidh tu e: agus ni e math dhuit, agus bheir e ort fàs lìonmhor os cionn t’aithreacha. 6 Agus timchioll-ghearraidh an Tighearna do Dhia do chridhe, agus cridhe do shliochd, a ghràdhachadh an Tighearna do Dhé le t’uile chridhe, agus le t’uile anam, a chum gu’m bi thu beo. 7 Agus cuiridh an Tighearna do Dhia na mallachdan sin uile air do naimhdibh, agus orra-san aig am bheil fuath dhuit, a rinn geur-leanmhuinn ort. 8 Agus pillidh tu agus bheir thu géill do ghuth an Tighearna, agus ni thu àitheantan uile a tha mise ag àithneadh dhuit an diugh. 9 Agus ni an Tighearna do Dhia pailt thu ann an uile obair do làimhe, ann an toradh do chuirp, agus ann an toradh do spréidhe, agus ann an toradh t’fhearainn, a chum maith: oir ni an Tighearna rìs gairdeachas os do cheann chum maith, mar a rinn e gairdeachas os cionn t’ aithreacha: 10 Ma dh’éisdeas tu re guth an Tighearna do Dhé, a ghleidheadh àitheantan, agus a reachdan, a tha sgrìobhta ann an leabhar an lagha so, agus ma philleas tu chum an Tighearna do Dhé le t’uile chridhe agus le t’uile anam. 11 Oir an àithne so a tha mise an àithneadh dhuit an diugh, cha ’n’eil i ’m folach ort, ni mò a ta i fada uait. 12 Cha ’n’eil i ’sna nèamhaibh, air chor as gu’n abradh tu, Cò théid suas air ar son do na nèamhaibh, agus a bheir i d’ar n-ionnsuidh, a chum as gu’n cluinn sinn i, agus gu’n dean sinn i? 13 Ni mò a tha i ’n taobh thall do’n fhairge, air chor as gu’n abradh tu, Cò théid a nunn air ar son thar an fhairge, agus a bheir i d’ar n-ionnsuidh a chum gu’n cluinn sinn i, agus gu’n dean sinn i? 14 Ach tha ’m focal ro-fhagus duit, ann do bheul, agus ann do chridhe, chum gu’n dean thu e. 15 Feuch, chuir mi romhad an diugh beatha agus math, agus bàs agus olc: 16 A mheud gu bheil mi ag àithneadh dhuit an diugh an Tighearna do Dhia a ghràdhachadh, gluasad ’na shlighibh, agus àitheantan a ghleidheadh, agus a reachdan, agus a bhreitheanais, a chum gu’m bi thu beo, agus gu’m fàs thu lìonmhor, agus gu’m beannaich an Tighearna do Dhia thu ’san fhearann d’am bheil thu dol g’a shealbhachadh. [TD 355] DEUTERONOMI. CAIB. XXXI. 17 Ach ma thionndadhas do chridhe air falbh, agus nach éisd thu, ach gu’n tairgnear air falbh thu, agus gu’n dean thu aoradh do dhéibh eile, agus gu’n dean thu seirbhis dhoibh; 18 Tha mi ag innseadh dhuibh air an là’n diugh, gu’n sgriosar gu cinnteach sibh, agus nach buanaich sibh bhur làithean air an fhearann, d’am bheil thu dol thar Iordan gu gabhail a steach g’a shealbhachadh. 19 Tha mi gairm nan nèamha agus na talmhainn mar fhianuisean ’nar n-aghaidh air an là’n diugh, gu’n do chuir mi beatha agus bàs f’ar comhair, beannachadh agus mallachadh: uime sin ròghnuich beatha, chum gu’m bi thu féin agus do shliochd beo: 20 A chum gu’n gràdhaich thu ’n Tighearna do Dhia, agus gu’n d’thoir thu géill d’a ghuth, agus gu’n lean thu ris, (oir is esan do bheatha, agus fad do làithean) a chum gu’n gabh thu còmhnuidh ’san fhearann a mhionnaich an Tighearna do t’aithreachaibh, do Abraham, do Isaac, agus do Iacob, gu’n d’thugadh e dhoibh. CAIB. XXXI. AGUS chaidh Maois agus labhair e na briathra so re h-Israel uile. 2 Agus thubhairt e riu, Tha mise ceud agus fichead bliadhna dh’aois air an là’n diugh; cha ’n urrainn mi tuilleadh dol a mach agus teachd a steach: agus thubhairt an Tighearna rium, Cha d’théid thu thar an Iordan so. 3 Théid an Tighearna do Dhia e féin a nunn romhad; sgriosaidh esan na cinnich sin o d’ làthair, agus sealbhaichidh tu iad: agus théid Iosua nunn romhad, mar a thubhairt an Tighearna. 4 Agus ni an Tighearna riu mar a rinn e re Sihon, agus re h-Og, righre nan Amorach, agus re fearann na muinntir sin a sgrios e. 5 Agus bheir an Tighearna thairis iad roimh bhur gnùis, a chum gu’n dean sibh riu a réir gach àithne a dh’àithn mise dhuibh. 6 Bithibh làidir agus biodh deagh mhisneach agaibh; na biodh eagal oirbh, agus na gabhaibh geilt rompa, oir is e ’n Tighearna do Dhia e féin a théid leat; cha dìbir e thu, ni mò a thréigeas e thu. 7 Agus ghairm Maois air Iosua, agus thubhairt e ris ann an sealladh Israeil uile, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir is tusa a théid a stigh leis an t-sluagh so do’n fhearann a mhionnaich an Tighearna d’an aithreachaibh gu’n d’thugadh e dhoibh; agus bheir thu orra shealbhachadh mar oighreachd. 8 Agus théid an Tighearn e féin romhad, bithidh esan maille riut, cha dìbir e thu, ni mò a thréigeas e thu: na gabh eagal, agus na biodh geilt ort. 9 Agus sgrìobh Maois an lagh so, agus thug se e do na sagartaibh mic Lebhi, a tha giùlan àirc coi’-cheangail an Tighearna, agus do sheanairibh Israeil uile. 10 Agus dh’àithn Maois doibh, ag ràdh, Aig ceann gach seachd bliadhna, ann an àm òrduichte [TD 356] DEUTERONOMI. CAIB. XXXI. bliadhna an fhuasglaidh, aig féisd nam pàilliun, 11 ’Nuair a thig Israel uile g’an taisbeanadh féin ’an làthair an Tighearna do Dhé, ’san ionad a thaghas e; leughaidh tu ’n lagh so ’an làthair Israeil uile, ’nan éisdeachd. 12 Cruinnich an sluagh r’a chéile, fir, agus mnài, agus clann, agus do choigreach a tha ’n taobh stigh do d’ gheataibh; a chum gu’n cluinn iad, agus gu’m fòghlum iad, agus gu’m bi eagal an Tighearna bhur Dé orra, agus gu’n d’thoir iad fa’near uile bhriathran an lagha so a dheanamh: 13 Agus gu’n cluinn an clann do nach b’aithne bheag, agus gu fòghlum iad eagal an Tighearna bhur Dé a bhi orra am fad’s is beo dhuibh ’san fhearann d’am bheil thu dol thar Iordan g’a shealbhachadh. 14 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Feuch, tha do làithean a’ dlùthachadh anns am feum thu bàs fhaghail: gairm air Iosua, agus nochdaibh sibh féin ann am pàilliun a’ choi’-thionail, a chum as gu’n d’thoir mise àithne dha. Agus chaidh Maois agus Iosua, agus nochd siad iad féin ann am pàilliun a’ choi’-thionail. 15 Agus dh’fhoillsich an Tighearn e féin ’sa phàilliun ann am meall (1) neoil: agus sheas am meall neoil os cionn doruis a’ phàilliuin. 16 Agus thubhairt an Tighearna re Maois, Feuch, coidlidh tusa maille re t’aithreachaibh; agus éiridh an sluagh so suas, agus théid iad le strìopachas ’an déigh dhiathan na tìre coimhich sin d’am bheil iad a’ dol a steach gu fantuinn ’na meadhon, agus tréigidh iad mise, agus brisidh iad mo choi’-cheangal a rinn mi riu. 17 Agus lasaidh mo chorruich ’nan aghaidh ’san là sin, agus tréigidh mi iad, agus folaichidh mi mo ghnùis uatha, agus ithear suas iad, agus thig mòran olc agus àmhghar (2) orra, air chor as gu’n abair iad ’san là sin, Nach ann a chionn nach ’eil ar Dia ’nar measg a thàinig na h-uilc so oirn? 18 Agus gu cinnteach folaichidh mise mo ghnùis ’san là sin, air son gach olc a dh’oibrich iad, a chionn gu’n do thionndaidh iad ’an déigh dhiathan eile. 19 A nis uime sin sgrìobhaibhse dhuibh féin an laoidh (3) so, agus teagaisg i do chloinn Israeil: cuir i ’nam beul a chum gu’m bi ’n laoidh so mar fhianuis dhomhsa ’an aghaidh chloinn Israeil. 20 Oir an uair a bheir mi stigh iad do’n fhearann a mhionnaich mi d’an aithreachaibh, a tha sruthadh le bainne agus mil, agus a dh’itheas iad agus a shàsuichear iad, agus a dh’fhàsas iad reamhar; ’an sin tionndadhaidh iad gu déibh eile, agus ni iad seirbhis doibh, agus brosnuichidh iad mi, agus brisidh iad mo choi’-cheangal. 21 Agus tarlaidh an uair a thig mòran olc agus àmhghar orra, gu’n labhair (4) an laoidh so mar fhianuis ’nan aghaidh; oir cha di-chuimhnichear i as beul an sliochd: oir is aithne dhomh (1) stuadh. (2) thriobloidean, theanntachdan. (3) òran. (4) freagair. [TD 357] DEUTERONOMI. CAIB. XXXII. an smuaintean a tha iad a’ dealbh an diugh féin, mun d’thug mi steach iad do’n fhearann a mhionnaich mi. 22 Sgrìobh uime sin Maois an laoidh so air an là sin féin, agus theagaisg e i do chloinn Israeil. 23 Agus dh’àithn e do Iosua mac Nun, agus thubhairt e, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir bheir thu clann Israeil do’n fhearann a mhionnaich mi dhoibh; agus bithidh mise maille riut. 24 Agus an uair a chuir Maois crìoch air sgrìobhadh bhriathran an lagha so ann an leabhar gus an do chrìochnaicheadh iad; 25 ’An sin dh’àithn Maois do na Lebhithich a tha giùlan àirc coi’-cheangail an Tighearna, ag ràdh, 26 Gabhaibh leabhar an lagha so, agus cuiribh e aig taobh àirc coi’-cheangail an Tighearna bhur Dé, chum gu’m bi e ’n sin mar fhianuis a’t’ aghaidh. 27 Oir is aithne dhomh do cheannairc, agus do mhuineal rag: feuch, am feadh ’s a ta mi fathast beo maille ribh an diugh, bha sibh ceannairceach ’an aghaidh an Tighearna; agus cia’s mò na sin a bhitheas sibh ’an déigh mo bhàis. 28 Cruinnichibh a’m’ ionnsuidh seanaire bhur treubhan uile, agus bhur luchd-riaghluidh, a chum as gu’n labhair mi ’nan cluasaibh na briathra so, agus gu’n gairm mi na nèamhan agus an talamh mar fhianuisean ’nan aghaidh. 29 Oir tha fhios agam, ’an déigh mo bhàis gu’n truaill sibh sibh féin gu tur, agus gu’n d’théid sibh a thaobh o’n t-slighe a dh’àithn mi dhuibh: agus thig olc oirbh anns na laithibh deireannach, a chionn gu’n dean sibh olc ann an sealladh an Tighearna, ’ga bhrosnachadh gu feirg le h-obair bhur làmh. 30 Agus labhair Maois ann an cluasaibh uile cho’-chruinnich Israeil briathra na laoidhe so, gus an do chrìochnaicheadh iad. CAIB. XXXII. CLUINNIBH, O nèamha, agus labhraidh mi; agus éisdeadh an talamh re briathraibh (1) mo bheoil. 2 Silidh mar an t-uisge mo theagasg, tuitidh mar an drùchd mo chainnt; mar mhìn-uisge air an lus mhaoth, agus mar fhrasan air an fheur. 3 A chionn gu’m foillsich mi (2) ainm an Tighearna: thugaibhse mòrachd d’ar Dia-ne. 4 Is esan a’ charraig, tha obair iomlan: oir is breitheanas a shlighean uile: Dia na fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus ceart tha esan. 5 Thruaill siad iad féin, cha ’n e an smal smal a chloinne-san: is ginealach coirbte (3) agus siar iad. 6 An ann mar so a dh’ìocas sibh (4) an Tighearna, O shluagh amaideach agus gun chéill? nach esan t’athair a cheannaich thu? nach d’rinn e thu, agus nach do dhaingnich e thu? 7 Cuimhnich na làithean o chian, thoir fa’near bliadhnacha (1) éisd. (2) O thalaimh, re briathraibh. (3) cuir mi ’an céill, gairm mi air. (4) aingidh. (5) An e so an éirig a bheir sibh do? [TD 358] DEUTERONOMI. CAIB. XXXII. nan iomadh ginealach: fiosraich do t’ athair, agus nochdaidh (1) e dhuit; do d’ sheanairibh, agus innsidh iad dhuit. 8 ’Nuair a roinn an Ti a’s ro-airde do na cinnich an oighreachd, an uair a sgar e mic Adhaimh o chéile, shuidhich e crìochan nan sluagh a réir àireimh chloinn Israeil. 9 Oir is e shluagh cuibhrionn an Tighearna, is e Iacob crannchur oighreachd-san. 10 Fhuair e ann am fearann fàs e, eadhon ann am fàsach falamh làn ulfhartaich (2): threòraich e mu’n cuairt e, theagaisg se e, ghleidh e mar ubhal a shùla e. 11 Mar a charaicheas (3) iolair suas a nead, a dh’itealaicheas i os cionn (4) a h-àil, a sgaoileas i mach a sgiathan, a ghabhas i iad, a ghiùlaineas i iad air a sgiathaibh; 12 Mar sin threòraich an Tighearna ’na aonar esan, agus cha robh Dia coigreach maille ris. 13 Thug e air marcachd air àitibh arda na talmhainn, a chum gu’n itheadh e toradh an fhearainn, agus thug e air mil a dheothal (5) as a’ charraig, agus oladh as a’ charraig ailbhinn; 14 Im cruidh, agus bainne chaorach, maille re saill uan agus reitheachan do shìol (6) Bhasain, agus ghabhar, maille re reamhrachd airnean a’ chruinneachd; agus dh’òl thu fuil fhìor-ghlan nam fìon-dhearc. 15 Ach dh’fhàs Iesurun reamhar, agus bhreab e: tha thu air cinntinn reamhar, tha thu air fàs tiugh, tha thu còmhdaichte le saill: ’an sin thréig e an Dia a rinn e, agus rinn e dìmeas air carraig a shlàinte. 16 Bhrosnaich iad e gu h-eud le déibh eile (7), le gràineileachdaibh chuir iad corruich air. 17 Dh’ìobair iad do dheamhanaibh, cha ’n ann do Dhia; do dhéibh nach b’aithne dhoibh, do dhéibh nuadh a dh’ùr-éirich suas, roimh nach robh eagal air bhur n-aithreachaibh. 18 Air a’ charraig a ghin thu tha thu mi-chuimhneachail, agus tha thu dearmadach air an Dia a dhealbh thu. 19 Agus an uair a chunnaic an Tighearn e, ghabh e gràin diubh (8), air son brosnachaidh a mhac agus a nigheana. 20 Agus thubhairt e, Folaichidh mi mo ghnùis-uatha, chi mi ciod is crìoch dhoibh: oir is ginealach ro-choirbte (9) iad, clann anns nach ’eil creidimh. 21 Rinn iad eudmhor mise (10) leis an ni nach Dia, bhrosnaich (11) iad mi gu feirg le ’n dìomhanais: agus ni mise eudmhor iadsan leo-san nach ’eil ’nan sluagh, brosnaichidh mi iad gu feirg re cinneach amaideach. 22 Oir tha teine air fhadadh a’m’ sheirg, agus loisgidh e gu h-ifrinn ìochdrach (12), agus cuiridh e as do (13) ’n talamh le thoradh, agus cuiridh e re theine bunaite nam beann. 23 Carnaidh mi suas uilc (14) orra, mo shaighdean caithidh mi orra. (1) taisbeanaidh. (2) fàsach uamhora gun àiteach. (3) ghleidheas, ghabhas iolair cùram d’a nead. (4) a luidheas i gu caomh air. (5) shùghadh. (6) shliochd. (7) coimheach. (8) rinn e tàir orra. (9) ro-chrosta. (10) Dhùisg iad gu h-eud mise. (11) phrosnaich. (12) gus an doimhne a’s ìochdraiche. (13) ithidh e suas. (14) dòrainnean. [TD 359] DEUTERONOMI. CAIB. XXXII. 21. Claoidhear (1) iad le h-ocras (2), agus cuirear as doibh le teas loisgeach, agus le sgrios searbh: fiaclan fhiadh-bheathaiche mar an ceudna cuiridh mi orra, maille re nimh nathraichean an duslaich. 25 O’n leth a muigh sgriosaidh an claidheamh, agus o’n leth a stigh uamhann, araon an t-òig-fhear agus an òigh, an cìochran agus fear na gruaige léithe. 26 Thubhairt mi, Sgapaidh mi iad gu cùiltibh, bheir mi air an cuimhne sgur o mheasg dhaoine: 27 Mur bhitheadh gu’n robh eagal orm roimh chorruich an nàmhaid, air eagal gu’n giùlaineadh an eascairdean iad féin gu mi-chubhaidh, air eagal gu’n abradh iad, Is i ar làmh airdne (3), agus cha ’n e an Tighearn a rinn so uile. 28 Oir is cinneach gun chomhairle iad, ni mò tha tuigse annta. 29 O gu’m biodh iad glic, gu’n tuigeadh iad so, gu’n d’thugadh iad fa’near an crìoch dheireannach! 30 Cionnus a chuireadh a h-aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mur biodh an carraig air an reiceadh, agus mur biodh an Tighearn air an druideadh suas? 31 Oir mar ar carraig-ne cha ’n’eil an carraig-san, air bhi d’ar naimhdibh féin ’nam breitheamhnaibh. 32 Oir do fhìonain Shodoim tha’m fìonainsan, agus do mhachairibh Ghomorraih: is fìon-dhearcan marbhtach (4) am fìon-dhearcan, tha ’m bagaidean searbh: 33 Is e nimh nan dràgon am fìon, agus puinsion (5) an-iochdar nan nathraichean (6) nimhe. 34 Nach ’eil so air a thasgaidh suas agam, air a sheulachadh a’m’ ionmhasaibh? 35 Dhomhsa buinidh dìoghaltas, agus luaigheachd; re h-ùine sleamhnaichidh an cos: oir tha là an sgrios am fagus, agus tha na nithe a thig orra a’ deanamh deifir. 36 Oir bheir an Tighearna breth air a shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a thaobh a sheirbhiseacha; ’nuair a chi e gu’n d’fhalbh an neart, agus nach ’eil neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air fhàgail (7). 37 Agus their e, C’àit am bheil an diathan, a’ charraig as an d’earb iad, 38 A dh’ith saill an ìobairtean, a dh’òl fìon an tabhartais-dibhe? éireadh iad suas, agus cuidicheadh iad leibh; bitheadh iad dhuibh ’nan dìdean. 39 Faicibh a nis gur mise, eadhon mise e, agus nach ’eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus leighisidh mi; agus cha ’n’eil neach ann a shaoras as mo làimh. 40 Oir togaidh mi suas mo làmh gu nèamh, agus their mi, Is beò mise gu sìorruidh. 41 Ma gheuraicheas mi mo chlaidheamh lasrach (8), agus ma ni mo làmh greim air breitheanas; ìocaidh mi dìoghaltas do m’ (1) Loisgear. (2) gortadh. (3) Tha ar làmh ard. (4) nimhe, domblais. (5) nimh, gath. (6) asp. (7) a làthair. (8) dealrach, lìobhta. [TD 360] DEUTERONOMI. CAIB. XXXIII. naimhdibh, agus bheir mi luaigheachd dhoibhsan aig am bheil fuath orm. 42 Cuiridh mi air mhisg mo shaighdean le fuil (agus ithidh mo chlaidheamh suas feoil) eadhon le fuil nam marbh, agus nam braighdean, o thoiseach nan dìoghaltas air an nàmhaid. 43 Deanaibh gairdeachas, O chinneacha, maille r’a shluagh-san: oir dìolaidh e fuil a sheirbhiseach, agus ni e dìoghaltas air eascairdibh, agus bithidh e tròcaireach d’a thìr agus d’a shluagh féin. 44 Agus thàinig Maois, agus labhair e uile bhriathra na laoidh so ann an éisdeachd an t-sluaigh, e féin agus Hosea mac Nun. 45 Agus chuir Maois crìoch air na briathra sin uile a labhairt re h-Israel uile. 46 Agus thubhairt e riu, Socraichibh bhur cridhe air na focail uile air am bheil mise a’ toirt fianuis ’nar measg air an là’n diugh, a dh’àithneas sibh d’ar cloinn a choimhead, a chum gu’n dean iad uile bhriathran an lagha so. 47 Oir cha ni dìomhain e dhuibh, a chionn gur e bhur beatha e; agus leis an ni so buanaichidh sibh bhur làithean ’san fhearann a tha sibh a’ dol a nunn thar Iordan g’a shealbhachadh. 48 Agus labhair an Tighearna re Maois ’san là sin féin, ag ràdh, 49 Imich suas do’n bheinn so Abarim, do shliabh Nebo, a tha ann an tìr Mhaoib, a tha fa chomhair Iericho, agus gabh sealladh do thìr Chanaain, a tha mi a’ toirt do chloinn Israeil mar sheilbh. 50 Agus gheibh thu bàs ’san t-sliabh d’an d’théid thu suas, agus cruinnichear thu chum do dhaoine; mar a fhuair Aaron do bhràthair bàs ann an sliabh Hor, agus a chruinnicheadh e chum a dhaoine: 51 A chionn gu’n do chiontaich sibh a’m’ aghaidh-sa am measg chloinn Israeil, aig uisgeachaibh Mheribah-Cades, ann am fàsach Shin; do bhrìgh nach do naomhaich sibh mi am meadhon chloinn Israeil. 52 Gidheadh chi thu am fearann a’d’ chomhair, ach cha d’théid thu steach do’n fhearann a tha mi tabhairt do chloinn Israeil. CAIB. XXXIII. AGUS is e so am beannachadh leis an do bheannaich Maois òglach (1) Dhé clann Israeil roimh a bhàs. 2 Agus thubhairt e, Thàinig an Tighearn o Shinai, agus dh’éirich e suas dhoibh o Sheir; dhealraich e mach o shliabh Pharain, agus thàinig e le deich mìle do naoimh: o dheas làimh chaidh lagh teine mach dhoibh. 3 Seadh, ghràdhaich e ’n sluagh; tha naoimh uile a’d’ làimh: agus shuidh iad sìos aig do chosaibh; gheibh gach neach do d’ bhriathraibh. 4 Dh’àithn Maois lagh dhuinn, mar oighreachd do cho’-chruinneach Iacoib. 5 Agus bha e ’na righ ann an Iesurun, an uair a chruinnich ceannardan (2) an t-sluaigh agus (1) duine. Eabh. (2) cinn. Eabh. [TD 361] DEUTERONOMI. CAIB. XXXIII. treubhan Israeil ’an ceann a chéile. 6 Biodh Reuben beò, agus na faigheadh e bàs; agus bitheadh a dhaoine lìonmhor ’an aireamh. 7 Agus is e so beannachadh Iudaih: agus thubhairt e, Eisd, a Thighearna, guth Iudaih, agus thoir e chum a shluaigh: biodh a làmhan foghainteach dha, agus bi-sa a’d’ chòmhnadh (1) aige o naimhdibh. 8 Agus mu Lebhi thubhairt e, Biodh do Thummim agus t’Urim aig t’aon naomha, a dhearbh thu aig Masah, ris an d’rinn thu stri’ aig uisgeachaibh Mheribah; 9 A thubhairt r’a athair agus r’a mhàthair, Cha ’n fhaca mi e; agus cha do ghabh e (2) r’a bhràithribh, agus cha d’aithnich e a chlann féin: oir choimhid iad t’fhocail, agus ghleidh iad do choi’-cheangal. 10 Teagaisgidh iad do bhreitheanais do Iacob, agus do lagh do Israel: cuiridh iad tùis fa d’ chomhair, agus làn ìobairt-loisgte air t’altair. 11 Beannaich, O Thighearn, a mhaoin (3), agus gabh re obair a làmh: buail tre leasraidh na muinntir a dh’éireas ’na aghaidh, agus na muinntir le’m fuathach e, chum nach éirich iad a rìs. 12 Mu Bheniamin thubhairt e, Gabhaidh aon gràdhach an Tighearna còmhnuidh ann an tèaruinteachd làimh ris; agus còmhdaichidh an Tighearn e rè an là uile, agus gabhaidh e còmhnuidh eadar a ghuaillibh. 13 Agus mu Ioseph thubhairt e, Beannaichte o’n Tighearna gu robh fhearann, a thaobh nithe luachmhor nèimh, a thaobh an drùchd, agus a thaobh na doimhne tha ’na luidhe shìos, 14 Agus a thaobh nan toradh luachmhor a bheirear a mach leis a’ ghréin, agus a thaobh nan nithe luachmhor a chuirear a mach leis gach mìos (4), 15 Agus a thaobh prìomh (5) nithe nam beann sean (6), agus a thaobh nithe luachmhor nan sliabh sìorruidh, 16 Agus a thaobh nithe luachmhor na talmhainn, agus a làn, agus deagh-ghean an Ti sin a bha chòmhnuidh ’sa’ phreas: thigeadh am beannachd air ceann Ioseiph, agus air mullach a chinn-san a sgaradh o bhràithribh. 17 Mar cheud-ghin a thairbh tha a sgéimh (7), agus mar adhaircean an aon-adharcaich (8) tha adhaircean-sa: leo so purraidh (9) e’n sluagh le chéile, gu h-iomallaibh na talmhainn: agus is iad so deich mìlte Ephraim, agus is iad so mìlte Mhanaseh. 18 Agus mu Shebulun thubhairt e, Dean gairdeachas, a Shebuluin, a’d’ dhol a mach; agus Isachair, a’d’ bhùthaibh. 19 Gairmidh iad an sluagh a chum na beinne, ’an sin ìobraidh iad ìobairtean ionracais: oir pailteas nan cuan sùgaidh (10) iad suas, agus ionmhais fholaichte na gaineimh. 20 Agus mu Ghad thubhairt e, Beannaichte gu robh esan a leudaicheas (11) Gad: mar leòmhan tha e gabhail còmhnuidh, agus (1) chongnamh. Eir. (2) cha d’aidich e bhràithrean. (3) a neart, a shluagh. (4) leis a’ ghealaich. (5) ceud, ard. (6) bheanntan an airde ’n ear. Eabh. (7) a ghlòir, a mhaise. (8) an t-sròn-adharcaich; Rhinoceros. (9) sàthaidh. (10) sùghaidh, deothalaidh. (11) dh’fharsaingicheas. [TD 362] DEUTERONOMI. CAIB. XXXIV. reubaidh e ’n gairdean maille re mullach a’ chinn. 21 Agus dheasaich e cheud chuid dha féin, a chionn ’an sin, ann an cuibhrionn an lagh-thabhartair, gu’n do shuidhicheadh e; agus thàinig e maille re ceannardaibh an t-sluaigh; ceartas an Tighearna chuir e ’n gnìomh, agus a bhreitheanais re h-Israel. 22 Agus mu Dhan thubhairt e, Is cuilean leòmhain Dan: leumaidh e o Bhasan. 23 Agus mu Naphtali thubhairt e, O Naphtali, sàsaichte le deagh-ghean, agus làn do bheannachadh an Tighearna, sealbhaich thusa an aird’ an iar agus an airde deas. 24 Agus mu Aser thubhairt e, Biodh Aser beannaichte le cloinn; biodh e taitneach d’a bhràithribh, agus tumadh (1) e a chos ann an oladh. 25 Bithidh do bhrògan ’nan iarunn agus ’nan umha (2); agus mar do laithean is amhluidh bhios do neart (3). 26 Cha ’n’eil neach cosmhuil re Dia Iesuruin, a tha marcachd air nèamh a’d’ chòmhnadh, agus ’na mhòrachd (4) air na speuraibh. 27 Is e ’n Dia bith-bhuan do thearmann, agus fuidh tha na gairdeana sìorruidh: agus fuadaichidh e mach an nàmhaid romhad, agus their e, Cuir as da. 28 ’An sin gabhaidh Israel còmhnuidh gu tèaruinte ’na aonar: bithidh tobar Iacoib air fearann arbhair agus fìona; mar an ceudna silidh a nèamha nuas drùchd. 29 Is sonadh thu, O Israel; cò tha cosmhuil riut, O shluagh a shaoradh leis an Tighearna, sgiath do chòmhnadh, agus neach is e claidheamh do mhòrachd? agus gheibhear do naimhde ’nam breugairibh dhuit, agus saltraidh tu air an àitibh arda. CAIB. XXXIV. AGUS chaidh Maois suas o chòmhnardaibh Mhoaib gu sliabh Nebo, gu mullach Phisgaih (5), a tha thall fa chomhair Iericho: agus nochd an Tighearna dha fearann Ghilead uile gu Dan, 2 Agus Naphtali uile, agus tìr Ephraim, agus Mhanaseh, agus tìr Iudaih uile gu nuig an fhairge a’s faide mach, 3 Agus an taobh deas, agus còmhnard glinne Iericho, baile nan craobh pailm, gu nuig Soar. 4 Agus thubhairt an Tighearna ris, Is e so am fearann a mhionnaich mi do Abraham, do Isaac, agus do Iacob, ag ràdh, Do d’ shliochd-sa bheir mi e: thug mi ortsa fhaicinn le d’ shùilibh, ach d’a ionnsuidh cha d’théid thu thairis. 5 Agus fhuair Maois òglach an Tighearna bàs ’an sin, ann am fearann Mhoaib, a réir focail an Tighearna. 6 Agus dh’adhlaic e ann an gleann e, ann am fearann Mhoaib, thall fa chomhair Bhet-peoir: ach cha ’n aithne do dhuine sam bith uaigh gus an là’n diugh. 7 Agus bha Maois ceud agus (1) tomadh, bogadh. (2) Bithidh iarunn agus umha fo d’ chosaibh; bithidh do chroinn no do ghlasan a dh’iarunn agus a dh’umha. (3) do shìth. (4) òirdheirceas. (5) na beinne. Eabh. [TD 363] DEUTERONOMI. CAIB. XXXIV. fichead bliadhna dh’aois an uair a fhuair e bàs: cha d’fhàilnich a shùil (1), ni mò a thréig a neart e (2). 8 Agus ghuil clann Israeil air son Mhaois ann an còmhnardaibh Mhoaib deich laithean air fhichead: mar so chrìochnaicheadh làithean a’ ghuil agus a’ bhròin air son Mhaois. 9 Agus bha Iosua mac Nun làn do spiorad a’ ghliocais; oir chuir Maois a làmhan air: agus dh’éisd clann Israeil ris, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 10 Agus cha d’éirich fàidh o sin ann an Israel cosmhuil re Maois, neach a b’aithne do’n Tighearna aghaidh re h-aghaidh. 11 Anns na h-uile chomharaibh, agus iongantasaibh a chuir an Tighearn e dheanamh ann an tìr na h-Eiphit, air Pharaoh (3) agus air a sheirbhisich uile, agus air fhearann uile, 12 Agus anns an làimh chumhachdaich sin uile, agus anns an uamhas mhòr uile, a dh’oibrich Maois ann an sealladh Israeil uile. (1) robh a shùil dall. (2) lùghdaicheadh a chàil. (3) ’an aghaidh Pharaoih. [TD 364] [Blank] [TD 365] CLAR-MINEACHAIDH. A. ABHLAN, dearnagan, breacag. A wafer, a small round cake. Adhlaic. v. tiodhlaic. Bury. Aicheun. v. àicheadh, ob. Deny. Ailbhinn. A flint, a sharp projecting rock. Ainean, grùthan. The liver. Airc, cobhan, ciste. The ark. Airc, teinn, cruaidh-chas. Distress, hardship. Aisead, tuisleadh, tuismeadh. Delivery. Aisling, bruadar. A dream. Aithris. v. innis. Report, tell. Amhghar, truaighe, triobloid. Affliction, distress. Amhluadh, aimlisg, eas-ordugh. Confusion. Amhuinn, fuirnis. A furnace. A muigh, a mach. Without. Anbarrach, ro-mhòr. Exceeding. Andana, dalma. Presumptuous. Anfhann, lag. Feeble, weak. Aobhar, àdhbhar. A cause. Aon-adharcach. The unicorn. Aoradh, àdhradh. Worship. Ar, treabhadh. Ploughing. Araidh, àraid, sònruichte. Particular, peculiar. Araon, cuideachd. Together. Asbhuain, bunain, stailcnich. Stubble. Athadh, eagal. Fear. Athar, aidhear, iormoilt, speuran. The firmament, the sky. B. Baile, cathair. A city, town, village. Bainionn, boirionn. Female. Ban-fhiosaiche. A woman who divines or pretends to foretell future events. Ban-oglach, ban-seirbhiseach. A woman-servant. Bearr. v. lom. Clip, shave. Bhur, ’ar. Your. Bòid, mòid. A vow. Borb, garg. Fierce. Braighdean, ciomaich. Captives. Brat, còmhdach. A covering, a veil. Buachaille, aodhaire. A shepherd. Buar, crodh. Black cattle. Buidheann, cuideachd. A company. Builionn, muilionn. A loaf. Bunachur, bunait, stéidh. A foundation. Bùth, bothag, pàilliun. A tent. C. Càil-eigin, rud-eigin, meud-eigin. Somewhat. Cairbh, closach, corp marbh. A carcase, dead body. Càisg, gabhail thairis. The passover. Caismeachd. An alarm. Caitheamh, éiteach. A consumption. Carragh. A stone raised erect, a pillar. Caruich. v. coruich, gluais. Stir, move. Cos, cas. A foot. Cathair, baile mòr. A city. Ceannaiche, marsanta. A merchant. Ceannairc, aradh a mach. Rebellion. Ceann-feadhna, ceannard. A chief, a leader. [TD 366] CLAR-MINEACHAIDH. Cearn, oisinn. A corner. Cearnabhan, consbeach, conuiche, eirc-bheach, beach-each mhòr. A hornet. Cineal, seòrsa, gnè. A kind or fort. Cinn. v. fàs. Grow, become. Cinneas, fàs. Increase, growth. Ciomaich, braighdean. Captives. Cìocras, miann. A longing, an earnest desire. Clach-chreadha. A brick. Claoidh. v. Distress, destroy. Claon. v. fiar. Incline, pervert. Cluaran, oighionnach, foghannan. A thistle. Cnap, meall. A knob. Cobhartach, creach. Prey. Cog. v. dean cogadh. Fight. Coi’-cheangal, cunradh, cùmhnant. A covenant. Coimhearsnach, nàbuidh. A neighbour. Coimhid. v. Observe, keep. Coi’-leasachadh, dìoladh, éiric. A compensation, requital. Coingheall, iasachd, iasad. A loan. Coirbte, crosta, aingidh. Perverse, wicked. Coisg. v. mùch. Quench. Coisrig. v. Consecrate. Colann, colainn, corp. The body. Còmhdaich. v. comh-eudaich, cuibhrig, folaich. Cover, clothe. Còmhnadh, còghnath, congnamh. Assistance, help. Còmhnuich. v. gabh còmhnuidh. Dwell. Conlach, fodar. Straw. Corcur, purpur. Red, purple. Coron, crùn, fleasg. A crown, a wreath. Criadh, creuch. Clay. Cridhe, croidhe. The heart. Cuibhreach, ceangal, boinn. Bonds. Cuinneanan, pollaire, coinliona. The nostrils. Cumasg sluaigh, sluagh measgta. A mixed multitude. D. Daorsadh, braighdeanas. Slavery, captivity. Daingneach. A strong hold. Deagh-ghean, fàbhor. Favour, grace. Dealbh, ìomhaigh, cruth. An image, form, statue. Dearnagan, abhlan. A wafer, a small round cake. Deifir, cabhag. Haste. Dìdean. A sanctuary, refuge, protection. Dìoghaltair. An avenger. Dioghluim, seasgana. Gleanings. Dìol. v. aisig, coi’-leasaich, cuidhtich. Restore, requite. Diomach, diombuidheach, Displeased. Diubhalach, millteach. Grievous, destructive. Dlighe, dleasdanas. Duty. Dòchas, muinghin, earbsadh. Hope. Doire, badan coille. A grove. Drùchd, driùchd, dealt. Dew. Druidh, draoidh. A magician, a sorcerer. Dùbailte, dà-fhillte. Double, two-fold. Dùbhlan. Defiance. Dùil, creutair. A creature, element. Droing, muinntir, dream. Persons, folk, those. E. Ealadhain, seòltachd. Art. Ealanta. Artificial, curious. Eallach, uallach. A burden. Easbhuidh, dìth. Want, lack. Eascaraid, nàmhaid. An enemy. Eididh, truscan, eudach. Garments. Eigh. v. goir, gairm, glaodh. Call, cry. Eilthireach, allmharach, atharrach. An alien, a foreigner. [TD 367] CLAR-MINEACHAIDH. Eireadh, eallach, cudthrom. A burden. Eirthir, iomall. A coast, border. Eud. Jealousy, zeal. Eusaontas, euceart. Trespass. F. Fa chomhair, air beulaobh. Before, opposite to. Fàbhradh. A fringe, the eye-lid. Fadal, déigh. Longing. Faiche, magh, machair. A field. Fail, fàinne, foir. A ring, an ouch. Fàile, boladh Savour, smell. Fairich. v. Feel, perceive. Famhair, fuamhair, curaidh, athach. A giant, a champion. Feachd, armailt. Forces, an army. Fear-cuairt. A sojourner. Féill, féisd, fleagh, cuirm. A festival, a feast. Feudail, buar, tàin. Black cattle, herds. Feun, fèanaidh. A waggon. Fiabhrus, teasach. A fever. Fìonain, fìneamhain, crann-fíona, A vine. Fìon-lios, fìon-gharadh. A vineyard. Fionnan-feoir, leumnach-uaine, dreòlan-teasbhuidh. A grasshopper. Fiosaiche. A diviner, one who pretends to foretell future events. Fiosraich. v. feòraich, faoineachd, farraid; amhairc air. Ask, inquire; visit. Fliodh. A wen. Foillsich. v. taisbein. Reveal, publish. Fòireigin, foirneart, ainneart. Oppression, violence. Freiceadan. A guard, watch. Fras, ros. Seed. Fuasgail. v. saor Redeem. Fuidh, fo, fodha. Under. G. Gaineamh, gainbheach. Sand. Gàir, iolach. Laughter, a shout. Gairdeachas, aoibhneas, subhachas. Rejoicing. Gaoid, meang, gò, aineamh. A blemish, defect. Gàradh, lios. A garden. Gearan, monmhor, duarman. Complaint, murmur. Ginealach, linn, àl. A generation. Glaodh. v. éigh. Call. Gluasad, siubhal. Moving. Gnàth, gnàthachadh, cleachda. Manner, custom. Gnè, cineal, seòrsa. A kind or sort, nature. Gnùis-bhrat, còmhdach. A veil. Goir. v. gairm. Call. Goirtichte, geuraichte. Leavened. Grealach, innigh. The purtenance, bowels. Gréis, obair-shnàthaide. Embroidery, needle-work. I. Iarmad, sliochd, fuigheal. Posterity, a remnant. Iasachd, coingheall. A loan. Igh, saill. Fat. Imrich, atharrachadh. Removal. Inbhe, onoir, urram. Dignity, rank, honour. Inealtair. v. biadh. Feed, pasture. Innigh. Bowels. Innlinn, biadh spréidhe. Provender. Iobair. v. ofrail, tiodhlaic, tairg. Sacrifice, offer. Iobairt-loisgte, tabhartas-loisgte, ofrail-loisgte. A burnt-offering, holocaust. [TD 368] CLAR-MINEACHAIDH. Iobairt-pheacaidh. A sin-offering. Ioc. v. Pay, requite. Ioc-shlaint. Balm, an universal medicine. Iomadaigh, mòran. A multitude. Ionga, crodhan. The hoof, claw. Ionmhas, stòr, maoin. Treasure, wordly substance. Ionnail. v. ionnlaid. Bathe. Ionnas, air chor agus. So that. Ionracan. A righteous person. Ionracas, fíreantachd. Righteousness. Iunsaichte, fòghlumta. Taught, trained. L. Lagh-thabhartair. A law-giver. Làmh-choille, bann-lamh. A cubit. Làmh-shailean, usgraichean. Bracelets. Leannan-sìth, spiorad fiosachd. A familiar spirit. Leas, sliasaid. The thigh. Léigh, olla, lighice. A physician. Leth-aon. A twin. Leth-fhocal. A by-word. Lios, gàradh. A garden, an inclosure. Lios-olaidh. An olive-yard. Loch-léin, blian. The flanks. Lòchran. A torch, a lamp. Lomairt, bearradh, rùsgadh. Shearing. Lomradh, rùsgadh. A fleece. Luachmhor, measail. Valuable, precious. M. Machair, faiche, achadh, magh. A field, plain. Màla, balg. A bag. Manadh. An omen. Math. v. maith, lagh. Forgive. Math. maith. Good. Meall, stac, baideal teine. A pillar of fire. Meidhean, toimhsean. Balances. Meil. v. bleath. Grind. Mi-shuaimhneas, carraid. Trouble, vexation. Mòid, bòid. A vow. Muileid. A mule. Mùth, v. caochail, atharraich. Change. N. Nathair, aithir. A serpent. Neo-ghoirtichte, neo-gheuraichte, gun laibhin. Unleavened. Neo-thorrach, seasg, aimrid, gun chloinn. Barren. Nimh, neimh, puinsion. Venom, poison. Nochd. v. taisbean, feuch. Shew. Nochd, lomnochduigh, nàire. Nakedness. Nuadh, nomha. New. O. Oglach, seirbhiseach. A man-servant. Oirdheirceas, barrachd. Excellence. Os bàrr, a bhàrr air sin. Moreover. P. Pàilliun, pubull, bùth. A tabernacle, tent. Plaid-luidhe, feitheamh fàth. Lying in wait. Prìomh, ceud. Chief. Pronnasc, gronnustol. Brimstone. R. Rabhadh, sanas. A warning. Rach. v. theirig, falbh, imich, gabh. Go. Rathad, ròd, slighe. A way. Reachd, ordugh, lagh. A statute, ordinance, law. Reasgach. Stubborn. Reic. v. creic. Sell. Réite, réidhte, sìth. Reconciliation, atonement, peace. [TD 369] CLAR-MINEACHAIDH. Roinn. v. Divide, distribute. S. Saibhir. saidhbhir, beartach. Rich. Saor. v. Free, acquit, rescue. Saorsadh, fuasgladh. Freedom, redemption. Seachran, iomrol, allaban. An error, going astray. Searrag, soirre, buideal. A bottle. Seòlta, innleachdach, raideil. Skilful, subtile. Seud. A jewel. Seunadair. A charmer. Silteach. An issue. Sìol, fras, ros. Seed. Sliochd, sìol. Seed. Slògh, pobull. A host. Smeuraich. v. iarr fo làimh. Grope. Snaidhte, gràbhalta. Graven, cut. Snàig. v. snàg, crùb. Creep. Sòghar. Luxurious, delicate. Sònruich. v. smuainich, dealbh. Purpose, mean. Sònruichte, àraidh. Peculiar, particular. Speuradair. A star-gazer, an astrologer. Sreath, sreud. A row. Suaichiontas. An ensign, standard. T. Tabhartas, tiodhlac, ofrail. A gift, an offering. Tabhartas-bìdh, ofrail-bhìdh. A meat-offering. Tabhartas-dibhe. A drink-offering. Tabhartas-loisgte. A burnt-offering. Tabhartas-peacaidh. A sin-offering. Taisbean. v. foillsich. Reveal, shew. Taisbeanadh, foillseachadh, sealladh. A revelation, vision. Taisgeach, tigh-stòir. A storehouse. Teinntein, teallach. The hearth. Teòma. Skilful, expert. Teum. v. lot, ciob. Bite, wound. Tharla. v. thachair, bha e. It came to pass, it was. Theirig. v. rach, falbh, gabh. Go. Thoir. v. toir, tabhair. Give, offer. Thugad, chugad. To thee. Tiodhlac, gibht. A gift. Toirmisg. v. bac. Forbid, restrain. Torr, cruach, meall. A heap. Troimh, tre, trìd. Through. Truaill. v. mi-naomhaich. Pollute, profane. Truscan, éididh, eudach. Garments, clothes. Tuairesgeul, droch iomradh. A bad report. Tùiseir, tùis-shoitheach. A censer. Tum. v. tom, bog. Dip. Tuil-dhorus, uinneag. A floodgate, window. U. Uaith. From him. Uaithe, uaiche, uaipe. From her. Uamhas, uamhann, oillt, eagal. Dread, fear. Uidheam, airneis. Apparatus, furniture. Ulluich. v. ullamhuich, deasaich. Prepare. Umha, unga, prais. Brass. Urrainn, urradh, comasach. Able. [TD 370] GENERAL RULES FOR READING THE GAELIC LANGUAGE. OF THE LETTERS. IN the Gaelic language there are eighteen letters, viz. a, b, c, d, e, f, g, h, i, 1, m, n, o, p, r, s, t, u; which are divided into vowels and consonants. OF THE VOWELS. There are five vowels, a, e, i, o, u. A is sounded as in the English words hall, halt; but before dh and gh it has often the sound of the diphthong ao, as in lagh law, magh a field. E represents two different sounds: 1st That of the Greek epsilon, or of ea in the English word bear; as in ré the moon, an dé yesterday: 2dly, That of a in care; as in e or se he, rè during the time of. I is founded like ee in English; O, as in the words bone, morn, lot; and U like oo in moon, fool. The vowels are divided into BROAD and SMALL. A, o, u, are called broad vowels; and e, i, small. In a word of two or more syllables, if the former ends with a broad vowel, the next syllable must begin with a broad vowel; if with a small vowel, with a small. Accordingly, it is reckoned false orthography to write deanibh do ye, and not deanaibh, though the last a is never sounded. But in compound words this rule may often be properly dispensed with. All the vowels are sometimes long, sometimes short. When long, they are generally marked with accents. In all the syllables of polysyllables, except the first, the vowels have a short and obscure sound, as in the English words sun, bird, mother; and the broad, and sometimes the small, are used for one another. OF THE DIPHTHONGS. There are thirteen diphthongs, viz. ae, ai, ao, ea, ei, eo, eu, ia, io, iu, oi, ua, ui; which are either PROPER or IMPROPER. Ao and eu are improper diphthongs, representing simple sounds; the former of which is perhaps peculiar to this language, and only attainable by the ear: The latter is like that of the Greek epsilon, or the Latin æ. [TD 371] All the other diphthongs are proper; the sound of each of the vowels that enters into their composition being more or less heard. In ae, ai, ei, oi, io, ia, ua, and ui, the last vowel, and in ea, eo, and iu, the first vowel is but faintly sounded. The diphthongs eu, ia, and ua, are always long. The other diphthongs are sometimes long, sometimes short. OF THE TRIPHTHONGS. There are five triphthongs, viz. aoi, eoi, iai, iui, uai. They are pronounced like the diphthongs ao, eo, ia, iu, and ua, with the addition of a short i. They are all long, and never occur but in monosyllables, or the first syllables of polysyllables. OF THE CONSONANTS. There are thirteen consonants, viz. b, c, d, f, g, h, l, m, n, p, r, s, t; which are divided into MUTABLE and IMMUTABLE. The mutable are such as, by having an h subjoined to them, either alter or lose their usual found, viz. b, c, d, f, g, m, p, s, t. The immutable consonants are such as are never aspirated, or have an h subjoined to them, viz. l, n, r. After a short vowel or diphthong, the consonants are generally pronounced as when written double in English. Thus, cos a foot, aran bread, are to be pronounced as if written coss, arran. A consonant standing alone is sounded as if it were the initial letter of the following word, if it begins with a vowel, or as the final letter of the preceding word, if it ends with a vowel; as an t-anam the soul, le d’ chridhe with thy heart, to be pronounced an tanam, led chridhe. Bh and mh have the sound of v in English. Thus a’ bhean his wife, a mhàthair his mother, are to be read as if written a vean, a vàthair. Mh in the middle and end of polysyllables is often either silent, or stands for a gentle aspiration. C is always sounded as the Greek x, or k in English. Thus, car a turn, ceann a head, are to be pronounced kar, keann. Ch has the sound of the Greek x, or of gh in lough, as the Irish pronounce it. Dh and gh, in the beginning of words, are commonly sounded like the English consonant y in you, your. Thus, dha to him, a ghaol his love, are to be pronounced as if written ya, a yaol. In the middle, or end of words, they are often silent, or have the sound of a faint aspiration. Fh is silent; as fheara O men, gun fhios without notice, to be read ’eara, gun ’ios; but fhuair he found, is to be read as huair, the f only being quiescent. G is always sounded as in the English words get, good. Ph has the sound of f; as in phill e he returned, to be pronounced fill e. [TD 372] S before or after a broad vowel in the same syllable, is sounded as in English. But, when immediately before or after a small vowel, it has the sound of sh. It has the same sound in so this, sud yonder, to be pronounced sho, shud. S in the beginning of words, when preceded by the article, with a t interveening, is silent: Thus, an t-sùil the eye is to be pronounced as if written an tùil. S has the same sound as in English in is is, is or as and. Sh and th in the beginning of words have the sound of h alone. Thus, a’ bhean shona the happy woman, a’ chainnt thlà the smooth speech, are to be pronounced a vean hona, a chainnt hlà. Th after a long vowel, diphthong, or triphthong, is nearly silent; but, after a short vowel or diphthong, it has the force of a rapid aspiration, as in crith shaking, ruith or ruidh running. The immutable consonants, l, n, r, when initials of words not connected with others in a sentence, have a soft double sound, to be learned only by the ear. But wherever the order of construction requires that the mutable consonants should be aspirated, the immutable lose their double sound, and are pronounced nearly as in English. Thus, the initial letters of the adjectives mòr great, and luath swift, when joined with feminine substantives in the nominative singular, must be sounded like v and l in English; as, beinn mhòr (vòr) a great mountain, cos luath a swift foot. But with masculine substantives they retain their primitive sound, as fear mòr a great man, cù luath (lluath) a swift dog. When the consonants l, n, r, have their double sound in the middle or end of words, they are written double, as in Gall a foreigner, fearr better.