[DA 1] ORAIN NUADH GHAIDHEALACH, LE MARAIREAD CHAM’RON. Ris am bheil coimh-cheangailte, CO-CHRUINNEACHA DO SHEAN ORANAIBH EILE ANNS A CHAN’UINN CHEUDNA. Clodh-bhuailt’ ann DUN-EIDIN, LE D. MAC-PHATRAIC, AIRSON AN UGHDAIR. M.DCC.LXXXV. [DA 2] [Blank] [DA 3-4] AN CLAR. [TD 1] ORAIN GHAIDHEALACH. ORAN I. MOLADH do na FINEACHAIBH GAIDHEILEACH a fhuair an Oighreachdan, ann Bliaghna 1784. Air fonn. Siad mo rùin na Gaidheil ghasta’. ’S è naidheachd ùr ’fhuair mi ’n drasta, O laimh Righ Deorsa ann sna Gàsaidibh, Rinn mo chridhe ris mòr ghairdeachas, Gach oighre dligheach ’bhi faighinn àite. Chaill an sinnsir sud le’n goraich, ’S cha chion aithne bh’ orr’ na folum, ’Mhain nach gèille iad le ’m Beo-shlaint, Ach le Tearlach ann aghaidh Dheorsa. Chaidh cuid do ’n Fhrainc, ’s cuid do’n Olaint, Chaidh cuid san fhairge sios le doilinn, Chaidh cuid eile ’reuba beo dhiubh, A leth a Phrionnsa dh’fhalbh air fogra. Nis o ’fhuair sibh an Righ co dileas, ’S gu d’ thug o’n Bhord dhuibh litir sgriobhta, Air an fhearran bh’aig ’ur sinnsir, ’Chaoidh cho ’n fhag sibh e gu dilinn. [TD 2] ’S gu ma slan do Dhuic Mhontròs, A thug an t-ac’ amach o’n Bhord, Do na Gaidheil air am breacain bhoidheach, Cead dol do ’n Chlachan leo Di-domhnuich. Bha cridh’ nan Gaidheal air an smùradh, Le ’n Còtaiche’ mor, ’s le brigsean chluitnich, Nach direadh mona, beinn, na stuic leo; Gu ’s an d’ fhuair iad na breacain ùra. Sud é Marcuis àluinn cèutach Marcaich gasta nan each cèumnach, Le cruighibh òir air causair Dhun-eidin, Fhuair thu ’n t-urram measg nan ceudan. ’S tu lèug loghar ghrinn nam buagha, Clach-bhun’ a chaisteil nach gabha’ gluasad, Fainn’ an daimein is àilte snuadh thu, ’S fad theid t-fhocal ’measg nan uaislean. Cha ’n ’eil bantrach ann na fhearran, Na idir dileachdan tha na leanabh, Do nach eìl e iochd’ar dhoibh mar charaid, Gu ’s am fàs iad nan daoine gramail. Leughaibh eachdraidh Dhuic Mhontròsa, A’s gheibh sibh fiosrach ann sin a’s eolas, A liuthad cogadh blar as’ comhrag, ’N do sheas é suas le dhaoine mora. Bha ’n Righ ’n uair ud uath’ air fogra, Gu ’s do thog ’Marcuis daoin’ gun chunntas ’Rinn an rìgheachd da fein ’chonnsach, Gu ’n d’ fhuair é n Righ gu aite còrach. [TD 3] B’ é sud an curraidh ’s an said’ear gailbheach, ’Chum an cogadh air feadh na h Alba, Ga h-iomadh Duic ’bha cuir fearg air, Cha do striochd e sios dhoibh armailt. Ach fhuair sinn oighr’ air ’n drast’ dha-thigh, Gu ma fada buan am Marcuis, Fear h-aogas cha dean mi fhaicsin, Is sona Bhan-tighearna ’rinn do ghlaca. Ach cuimhnich oirn ’Dhuic Earraghaidheal, Is dean ruinn iochd ’nis mar b’àbhaist, ’S na leig le Sasganaich air sàrach, ’S tu a’ d’ ghuala-thaic a’ measg na Gaidheil. ’S ann dhuit bu dual a bhi d’ chumandair, ’S ann a’ t-ard Shean’lair air na campaibh, Do shuìlean leirsineach làn do fhradharc, A’s tha thu eolach san tigh-lagha. Nam biodh Ian Ruadh Diuc Ear’ghaidheal, A’s Diuc Athol nach ’eil a lathair, Ann sa chuirt th’aca’ an drasta, Cha streapa Sasg’naich suas ri ’n áilghios. Ach pillidh mi nìs mar an ceudna, Ri m’ Cheann-Cinnidh deadh Loch-iall, sin, Slat, do’n chuilean aluinn chiatach, Bu mhor ’n gliocas ’s bu phailt ’n riaghailt. Dh’fhalbh do Ghuiseach na duslach fàsaich, ’S tha do dhaoin’ air sgaoil’ ’s gach aite, Aig a Bhutt’rach ga ’n cuir o aiteach, N’ar ’thig thu dha-thigh gu ’n cuir thu aird orr’. [TD 4] ’Righ gu ’n cluinneam sud ’s gu ’m faiceam, Piob a’s srol bhi ’falbh fui’ d’ bhrataich, Do dhaoine cruinn ’s tu air an toiseach, ’S lannaibh du’-ghorm aig t-fhiurain ghasta. ’S iomadh gallan rioghail seolta, Th’ eadar Gleann-Laoigh a’s Strath-Locha, ’Thig a ghaolaich ann d’ chomh’ail, Le ’n armaibh gasta, ’s le ’m breacain bhoidheach. Nam bi’dh gach cuis dhuit mar bu mhath leam, O nach eil thu ach ann d’ leanabh, Chidhinn agad ban oighre fearrain, A’s bhi’dh do chaisteal ann Ach-na-carra. Fhuair mi naidheachd eil’ as ùr dhuibh, Tighearn’ gasta Chinn-locha Muideart, Bhi’dh tigh’n dha-thigh dh’ ionnsuidh ’dhucha’ ’S iomadh cridhe ’ni é dhusgadh. Caiptin uasal sin Chlann-Ranailt, Leis an eireadh na Cinn-fheadhna, Sud na connspuil nach gabhadh aomadh, Ann sa bhlar a dheanadh taomadh. N’ar ni thu t-oighreachd fein a ghlaca, ’S iomadh duin’ uasal aluinn maiseach, Do d’ chinneadh fheìn thig fu’ dhion do bhrataich, Nach gabhadh cùram roimh ’naimh’din fhaicsin. ’Siad Cloinn Domhnuil na seoid tha treunmhor, Duineil, cairdeil, ann guailnibh cheile, A sheasamh suas, ann ’m blar na’n streupaid, Cha d’ fhuair sibh masladh riamh na beum ann. [TD 5] Sud an sgeul a chuir orm aiteas, Ceann-Cinnidh riobhach Chloinn-’Phearsain, Mac Eobhain òig nam piob ’s nam bratach, ’Dheanadh ann sa bhlar an sgapadh. O’s leat Cloinn-’Phearsain cinneadh comhnard, Is thig Cloinn-’Mhuirich ann d’ chomhdhail, ’S leat Cloinn ’Cham’roin o Shrath-locha, ’S cha diult sa’ choinneamh ’theachd Cloinn Domhnuil. Na’n deanain dio-chuin bu mhor an diubhail, Na bha dhi oirn tighearna Shru’ain, Oighre ’n fhearrain, dh’fhas ro-chliutach, Seasmhaidh Robartanaich dlu dha. ’S siad sud do chinneadh laidir, lion’ar, Thig fu’ d’ bhrataich chum do dhionadh, Coirneal feachd air na fir nach striochda, ’S lion’ar caraid ’thig ann d’ líonaibh. ’S ait a’ naidheachd tha ’n drast’ a’ gluasad Air Lundi Drummad an Caiptin suairceadh, Bhi faighinn coir air ’n oighreachd luach’ar, Bh’aig Duic Pheairt ’threig ra luath’s sinn. N’ar thig thu chomhnuidh Chaisteal Drumainn, A Chaiptin Seumas ’fhuair an t-urram, Ann sgach blar ann rabh thu ’n cuimeasg; Thig do thuadh leat a nois sgach cunthart. ’S ann a nìse a chi Righ Deorsa, Na fiurain ghasta ’thig ga chomhnadh, Gach oighre fearrain ’fhuair a choir uaidh’, Gu ’n d’thig le dhaoine cruinn na chomh’ail. [TD 6] ’S siad mo rùin na Gaidheil ghasta, Le ’n lannaibh du’ghorm ’s le ’n cuid breacan, Nach gabhadh cùram a naimhdin fhaicsin, ’Rachadh sunntach sios do ’n bhatailt. ’Nuair a thig gach fineadh comhladh, ’S gach oighre dligheach bha ’mach air fogra, Gu ’m bi’dh an rioghachd so làn do shòlas, ’Cuir suas an èitidh a bh’aig an seorta. ’Si ’n èitidh ghaidhealach an deise mhaiseach, An ’m fianuis Righ na ’n uchd na caismeachd, Cha ’n ’eil fear ceirde ann an Sasgann, ’Chuireadh sios i na ciribh gasta. ’S iomadh fear Aide Cloic’ a’s Curaichd, Th’eadar Carlisle agus baile Lun’uinn, Tha an cridh’chaibh làn do mhulad, O ’fhuair na Gaidheil ’nìs an t-urram. ORAN II. Moladh do THEARLACH CAM’RON LOCH-IALL Ceann-Cinnidh Chloinn CHAM’ROIN. Air fonn, Ladha Roin ruairidh. GU ma slàn thig dhuinn t-fhaicsin, ’Thearlaich ghasta ruaidh ghaolaich, ’Mhic Dhomhnuil-duibh a’ Loch-abar, Thu thighinn da-thigh gu d’ dhaoine, O’n is slat thu do’n fhinneadh, A chinneadh gun aomadh, Gu’s an d’thainig an iomairt, A rinn mill’ air do dhaoine. [TD 7] Thainig mill’ air do dhaoine, ’S mi dh’fhaotadh sud innseadh, ’S é Ladha Chuil-fhodair, A chuir an grad dhi’ orr’ Chaidh ’n ceannard thoirt uatha, Mo thruaighe! a’s bi ’n dio-mhail, Chaidh iadsan air faondradh, Mar chaoirich gun Chiopair. Mar gu’m faiceadh tu caorich, Air aodan a ghlinne, Agus cù air an sgaoile, ’S nach fhaoiteadh am pilleadh, ’S ann mar sud chaidh aomadh, A ghaoil, a’ d’ luchd cinnidh, Gu ’s an d’thain’ tu graidh ghill, ’S ni thu aird air am pilleadh. Chuir an Righ oirn Ceann’-feadhna, Chuireas sgoile na’r naimhdin, Tearlach ruadh gaolach, Og greadhnach, deas, meanmnach, Og gast’, thu fhuair folam, Air aodan nam Francach, ’S mac ratha thair chach thu, ’S lion’ar àit’ am bheil ainm ort. ’S lion’ar àit’ am bheil ainm ort, Ann an Albainn an drasta, Le feobhas do dhaoine, A’ taoibhsin do pharti, Is iomadh duin’ uasal, ’Shuidhe suas ’g òl do shlainte, [TD 8] A’s a ghlaodha do d’n fhion i, Ge d’ bhi guini ga paithidh. Fhir mhoir a b’ fhearr cumachd, O d’ mhullach, gu d’ brogaibh, ’S tu slinneanach, leathan, Air fas ceireannach comhnart, Do chalpa deas direach, Nach islicheadh feornein, Do chneas mar an eala Blas na meall’ air do phogaibh. Tha suil chorrach ghorm aobhach, Ann t-aodan gun mhio-thlachd, Mur tigeadh do namhaid, Ga d’ shàrach fui’ snìosal, Ge d’ bhi sud air a leis-san, Claidheamh deas is tri faobhair, Cha tigeadh é fallain, O laimhaibh mo ghaoil-se. Nam faiceadh sibhse air bord é ’S é ’g ol a’ measg uaislean, Ga b’e thagradh gu d’ chonnasg. Bha dhonas gearr uaithe: Gheibht’ air criosan do leinne, Sgiann ri t-fheum thoirt duit fuasglaidh, ’S dag òir nan gleus sniomhuin, B’ aobhar fiamh do t-fhear fuadh é. B’aobhar fiamh do t-fhear fuadh, Do thuasaid thogmhail gun aobhar, Aig a liuthad fuil uabhrach, Tha ri guailnibh mo ghaoil-se, [TD 9] ’S iomadh faillean tha prìseil, Tha fui’ sn’ iosal fui’ d’ chòta, Nach nochd thu ri burraidh, An tachair urra a bhios coir ort. Oir stiurainn gu failteach Thu dh’Fhasa-fearna nan ùlan Far a bheil iad do chàirdin, Gle laidir ’s iad dlu dhuit, Mar tha Eobhan, is Tearlach, ’S glan dearsa nan gnuis-sin, Cha naithne dhamh ’n leithid, Ga grabhann tha m’ iul-se. O! pillidh mi fathasd, Ridh Athair nam fiuran, Ge d’ tha mise uaibh fada, Cha’n fhaidid mo rùn uaibh, Gasan direach glan foinneamh, Do’n t-sloinneadh dh’fhas cliutach, Gu’m b fhearr leam gu’m faicinn, Do chuid mac-sa nan Diucaibh. Pillidh mi nis ri Mac Dhomh’l-duibh, An connspul ùr treubhach, Thainig thireadh a dhaoine, ’S g’am faotain le rè-bheirt, ’S ann fhuair thu gach duine, [M]ar b’urrain thu eigheach [G]u’s an d’ theach thu air thurus, [’B]haile Lun’uinn na beurla. ’N uair a thain’ tu n-airde, [Ch]uir ’a ghrainein ri cheille, [TD 10] N’ar a chaidh tu air straid leo, Cha bu phrapor gun fheum iad, Ge d’ a dh’eirich do chuid diubh, Bhi air bun a dhroch bheurla, Cha ’n fhaic sibh an nàmhaid, ’Cuir gu brath an ratreud orr’. Air na daoine mor laidir, Tha dana, deas, trèubhach, ’N àm dhol air an aghaidh, Chu bu chlaothairean brein iad, ’N àm dhusgadh an claidhinn, Na caithibh d’am beigneid, ’S ann a sgathadh iad sios iad, Mar shion fui’ na reultan. So n’ar thainig a chuideachd, Bha geur, guineach, mar reusair, ’S a sheasamh iad suas leat, Ann an guailnibh a cheille, Ge d’ do thainig Mac-Shimidh, Gu’n sirreadh le re-bheirt, ’Nuair a rinn e riu labhairt, Cha gha’adh iad geill’ da. So mar labhair na h-oganaich, Sheolta, ùr threu’ach, Cha ’n ’eill sinne air ’ur ’n ordach, ’S cha deonach leinn eirigh, Faighear dhuinn’ air Ceann-Cinnidh ’Chuir sinne ri cheille, Is ni sinn’ a leannail, ’N dian an t-anam air treigsin, [TD 11] Ge mor agaibh Mac-Shimidh, N a ionnadaibh tamha, Cha b’ann as a leith sa, Thainig sinne do n-aite, Sheasamh onoir d’ar duthaich, Agus cliu do na Gaidheil, Mur fhaigh Tearlach ’chuid fearrain, Theid sinn da-thigh d’ar n-àbhaist. Bha eisean gle ghramail, ’S a chuid gearran gle laidir, Rinn é math do ’n cuid focal, ’S thug é mach orr’ an càs ud, Ràinig é mu’n do stad é, Ard Ad a Bhragàda, ’S fhuair é pog o Ard Onoir, ’S a chuid fearrain fui’ ’s bar sud. Tha chuid fearrain fui’ ’s bar sud. Aig mo ghradh-sa ri fhaotainn, ’Nuair a thig é air ais, O! ’N diaigh gaisge le dhaoine, O gu ’n cluinneam ’ s gu ’m faiceam S gu ’m faigheam beachd sgeul air, Gu ’m buantaich thu ’n latha, Gach aon rathad ga’n d’theid thu. B’i sud miothall ’s mo chlarsach, Agus gàirich mo theudan, M’ organna grinne, Bu bhinne ri eisteachd; Gu ’n tigeadh tu dha-thigh, O Thaisgidh! gun bheud ort; [TD 12] ’S na h-oganaich ghrinne, Chaidh do d’ Chinneadh mor fein leat. ORAN III. Cumhadh DHOMHNUL MAC-’PHARLAIN Choillechratha. ’S Cian ’s gur fad tha mi ’m thamh, ’S trom leam macain a ghna, Mun fhleasgach ùr, aluinn threubhach, ’S cian ’s gur, &c. Bàs choillechratha so shuas, ’N t-òg finealta suairc, ’Dh’fhàg a Chinneadh fui’ ghruaim ’s b’é beud é. Bàs choillechratha, &c. B’é sud Domhnul mo ruin, An sàr Pharlanach ùr, Bu mhor do bheachd, a’s do thùr, ’s do leirsin. B’é sud, &c. ’S lion’ar ban-tighearna ùr, Gun dìon air rosgaibh a sùl, ’N diu’ ga d’ rolladh gu dlù sna leintibh. ’S lion’ar, &c. B’ ann duibh do mhathair gheal ruin, ’Thug dhuit cìoch agus glùn, Is a thog thu a’ d’ ur-fhas cèutach. B’ann diubh, &c. [TD 13] Fhuair t-Athair ciall chaisg, ’S é ’n Righ a chum ris a bheachd, O’n a rinn iad do thasgaidh ’n ceud la. Fhuair, &c. Tha do bhraithrean fu’ phràm, Gun ghuala thaiceadh na’n ceann, O’n a dh’fhàs thu gun chaint gun leirsin. Tha do, &c. Ge d’ chuir ann ’n ciste nam bòrd, ’N deigh ’sa sparradh le h-òrd, Gur lion’ar bha deoir mu d’ dhèibhin. Ge d’ chuir, &c. ’S an Di-sathuirn bh’uainn gearr, Thog sibh gaisgeach mo ghraidh, ’S i do choluinn bha áilidh cèutach. ’S ann, &c. Ann Cill-machùga so shuas, Thug sibh ceann ard an t-sluaigh, Mo chreach gu la-luain cha’n eirigh. Ann Cillmachùga, &c. Bu tu ceannard fear feachd, [A] shàr Dhrobhair na mart, [B]’i do shuil a b’ fhearr beachd is leirsin. Bu tu, &c. Bha thu fialaidh mu d’ stoc, [B]u tu seiseadh na’m bochd, [Ch]a ’n fhaca mi lochd fui ’n ghrein duit. Bha thu, &e. [TD 14] ’S mor am mulad orm fein, Do ghunn’ air an stèill, ’S an acainn, o ’n geisge t-fhùdar. ’S mor, &c. Bu tu marbhaiche ’n fhèidh, ’S a bhric leis an lèus, ’S a choilich air ghèig ’s an smùdain. Bu tu, &c. Na b’urra mi ghraite, Chuirinn tuill’ ann a’ d’ dhàn Mo bheannachd do d’ chairdibh a’ d’ dheigh ghaoi[l.] Na b’urra, &c. ORAN IV. Moladh do Chaiptin DUGHAL CAM’ROM, Fear na Sroine ann Lochabar. MOCH ’s mi ’g eiridh anns a mhadainn, Ort an tùs a ni mi labhairt, Air Dughal òg mo cheann-tighe, Do shlainte dh’iarrain ’s gu ’m faighinn. ’S i do shlainte fein a dh’iarrain, Ma ’s beoir, na brandi, na fion i, As mo phocaid fein gun diolainn, Ge d’ a chosta i dhomh guinni. Gu ma slàn duit, ’s gu ma h èibhinn Thug dhomh naidheachd a Dun-èidin, Air Dughal òg gasta cèutach, ’Bhi ’n diaigh posadh a’s rèite. [TD 15] ’Righ gu meall thu fhein do cheilidh, ’S do chuid fearrain mar an ceudna, ’S gu’n stiuradh ’n Righ thu far bu choir duit, ’S oighre dligheach air an t-Shroin thu. Righ gu’n cluinneam-se ’s gu’m faiceam, Do chrodh-laoigh bhi air an fhaiche, An t-Shron a’ d’ laimh an deigh sa glaca, Ach-na-h-eirbh bhi fu’ d’ chuid eachaibh. ’S iomadh gallan prioseil, boidheach, Th’ eadar Gleann-laoigh is Srath-locha, ’Dh’eireadh leat a ruin ann d’còmh’ail, ’S leat Cloinn-Chamshroin is Cloinn-an-Tosaich. ’S aithne dhomh cuid mhor ri ’n aireamh, ’S ann dhiubh Alastair Ionbhar-mhali, E fhein ’s a sheachdnar mhacan àluinn, Righ bu grinn ri d’ chul am blar iad. Ghluaiseadh rithisd an d’ charradh, Tighearn’ uasal Ghlinne-garra, Le laochlainneadh luthor mhearra, Ris nach dian’ an namhaid fannail. Sleat do chòmhalt tighearna Cholla, ’S na dh’eireadh leis a Chloinn-Illeainn, Na fir ghasta ’n acainn chruadhaich, Sleannailteach ann àm na ruaig iad, Gheibhte sgriobht’ air braighe dhoruis, Le chlaidheamh airgid a chinn sholuis, “Nach bi’dh e fein a steach na chaisteal, “Is fear na Sroine a bhi ’mach as.” [TD 16] Nam biodh gach cuis duit mar bhi’ m’ òrdach Naile chithinn thu ann d’ choirneal, Glac gheal a dhioladh an òir thu, ’S tu ceannard feachd nam fear mòra. Bi’dh na Caimbeulaich a’ t-aghaidh, ’S guirme sùil a’s s fearr ann fradharc, ’S ge d’ tha iad eolach ’s an Tigh-lagha, Cha d’theid an eu-coir air a h-adhairt. Fhuair mi naidheachd ort le t-fhaoineachd Gu’n robh dà shuil-chorrach ghorm, mar dhaoimein Ann a t aghaidh shochdair chaoineil, ’S corp, gun lub, gun mheang, gun ghaoid ann. Gu ma slan do n-àrmunn chliutach, ’S òg a dh’fhag thu fhein do dhuthaich, Gun òr, gun airgid, gun earras, Ach do thaiceadh as do chlaidhe. As do chlaidhe rinn thu earbsa, Air a chùl bha thu neo-chearbach, Fhuair mi cliu, ghaoil, air do ghaisge, Anns gach blar ann d’rinn thu tachairt. Bu tric mi ga d’ fheoraich, ’s ga d’ fhiosrach, C’ait ann cluinnin tigh’nn do litir, Gu ’s an cualadh mi sna gàs’taibh, Thu bhi a’ d’ Chaiptin air batailion, Ge d’ tha mis’ ann so am chrùban, Air bheag aithir a’s mi gun sugradh, ’Nuair a rigeas mi thu Dhughail, ’S ard a thairneas tu an cuirt mi. [TD 17] ORAN V. Moladh do MHIC ACHALADAIR. Air fonn. Mhic-Shimidh mhoir na Mor-thir-ne. DEOCH slainte oighr’ Achaladair, Gu h-ealamh cuir mu’n-cuairt i, Lionaibh suas na glaoinneachan, Do ghlainne nan Daoin Uaisle ’S beag ioghnadh sud a thachairt duit, ’S tu shiol na fòla priseil, ’S gur lionmhor dream tha ’n ceangal ruit, Nach bheil mi ’m urrainn innseadh. Tha do chairdeas dlu am Bealach riu, O thùr nam baideal prioseil, Gur fogusg do Mhac Cailean thu, Le bhrataichibh tha riomhach, ’S dlu do dh’ Ach-na-carra thu, Tha fuirreach ann taobh shuas domh, ’S ge d’ tha iad ’n trast’ gun seòl orra, Gur h-ard an ròs a’ d’ ghruadhaibh. Gun tighinn air do chinneadh fein, Is iomadh fineadh prioseil, ’Tha am fagusg dhuit ann ’n cairdeas, Na ’m faichteadh càs na binn ort, Is ann diubh Mac-an-Abba, Tha ’n Cinneala an taobh shios duit Is dheireadh leis na gaisgich, Chuireadh smachd air do luchd mi-ruin. [TD 18] Lionain cupa eile dhuibh, ’S cha cheilinn, a dhaoin’ uaisle, Deoch slainte do chuid braithrean, Na h-aileagain ùr uasal, Na ’m faichteadh ’m blar na’n cuimeasg thu, Bu ghramai’ iad ri d’ ghualainn, Is far am biodh do chairdin, B’ ionn do d’ namhaid a bhi gluasad. O ’s lion’ar buaigh tha ’n ceangal ruibh, Nach ’eil mi ’m urrain innseadh, O nach fhaca mi le m’ shuilibh sibh, Ach fhuair mi cliu oirbh cinnteach, Nach do sheas’mh air grìne Glas-cho, Air coimeas ann sna criochaibh, Ach Tearlach òg, Loch-iall sin, A dh’fhag gun chiall a mhuintir. Is maith thig còt’ an aodach, Co daor ’s a thig a’ bù dhuibh, Theid guinni ’s crùn a phaidhe Air; na h-aileagain dh’ fhàs cul-leath’n, Cha mheas’ thig èile phréasach, Air a pasgaidh o ’r taobh-cul duibh, Is claidheamh caol chinn airgid, Air lamh armachd dheas nan ùr fhàs. Ach ’Illeaspuig oig Achaladair Is Alastair ùir àluinn, Mu chaidh sibh do dh’ America Thoirt teine air ’ur naimhdibh, Ma theid sibh ’m blar na ’m batailte, Gu’n teasairg Righ na ’n gràs sibh, [TD 19] ’S gu’n dean suibh talamh bhuantachd, Mar sin agus buaidh larach. Gu’n cluinneam fheìn ’s gu ’m faiceam sud, Is b’ aiteas é d’ar càirdibh, Na ’n rachadh sibh-se aiseag, Dha-thigh oirn na ’r slainte, Is muintir sin America, Na ’n seasamh air gach causair, An deigh ’s an airm ’s an gunnachan, A liubhairt duibh na ’r campaibh. ORAN VI. Molla do Chaiptin ALASTAIR MAC-PHEARSAIN. Air fonn. Marbhrann Mhic ic-Ailein. ALASTAIR oig Mhic a Phearsain, Na’m piob is nam bratach, Gur ceannard fear feachd thu, Fhuair mi sgeul ort an ceart-uair Chuir air do mhuintir mor aiteas, Thu bhi pilltin ’n nall da-thigh ri d’ thir. Thu bhi pilltin, &c. Ann deigh gach cun ’art ’s gach gàbha, A ghaoil as an d’ thain’ thu, Air muir a’s air sàile, Cumbhail cogadh ri d’ naimhdibh, Thig thu dha-thigh gu ’n taing orr’ a ris. Thig thu, &c. B’ é sud an t-Alastair cùl-leath ’n, Nach gabhadh bonn cùram, [TD 20] A’ loingeas a stiuradh, Air àirde a cùrsaidh, E fein ’s na fir ùra, Buille-druid aig air cainb, ’s i ri gaoidh. Buille-druid, &c. B’ é sud an t-Alastair gasta, Na ’n gorm shuile maiseach, Nach gabhadh bonn gealtachd, A’ loingeas a shochdrach, Ge d’ bhi muir airde ’stoic aic, ’S ann a dh’ iarradh tu thoiseach a ruim. ’S ann a, &c. B’ é sud an t-Alastair gaill’each, Leis an eireadh an armailt, Nach fhaighte bonn cearb orr’, Stiuradh loingeas air fairge, Bhi’dh sibh sgapadh ’ur naimhdin o’n taobh. Bidh sibh, &c. Gheibhte darach ga fheùchain, ’S a mhuir an sa bhèucail, An cannain sa ghèisgeil, Cuir an naimhdin ’o chèile, Far an tachradh tu fein riu ’s do shuinn. Far an tachradh, &c. ’Nuair a bhi’dh tu dhiubh diòlta, ’S tu ’n diaigh an cìosnach, Chluinnte feadainn do phìoba, ’N iubhaidh dheac’ra dhireach, ’S cha ’n aithn’te bonn sgios oirbh na dheigh. ’S cha ’n aithn’te, &c. [TD 21] ’Nuair a thigeadh tu tir, Le d’ loingeas mhoir phriosail, ’S iomadh ban-tighearna riomhach, Le stròltaibh ’s le sìoda, Bheireadh pailteas do nì dhuit, Air chumhnant ’s tu shìneadh ri ’n taobh. Air chumhnant, &c. Leam is duilich ’s gur craiteach ’N diu’ acain do pharant’, Ann an diaigh do braithrean, O thainig am bàs orr’, ’S gun duine do ’n càirdibh ri an taobh. ’S gun duine, &c. ORAN VII. Cumhadh airson CLEMI Bean INNIS-EOGHAIN. Air fonn, O! ’s mis’ th’air mo sgara ’N diu ’falbh as do bhaile leam fhein. ’N Raoir a chunnaic mi ’n aisling, ’Dh’fhag tiamhachd air maigne gu leoir, Mu mhnaoi àilidh ’n fhuilt dualaich, A tearna nuas air leachda mar òr, Thu bhi falbh as mo radharc, ’S nach fhaidhinn diot focail ach foil, A Chlemi ùir Innis-eoghain, Dh’fhag thu mulad fu’ air còm oirn r’air beo. O! c’uim nach deanain do marbh-rann, A bhean a bha ainmeil na leoir, [TD 22] ’S mi b’urradh a sheannchas, Agus innseadh le dearbha ro-mhor, Meud do ghliocais ’s do chèile, Feobhas do speis anns gach seòl, Da shuil chorrach ghorm liontach, Beul meachair dh’fhas siobhalt gun bhosd. ’S mi dh’fhaodadh a ghraite, Gun d’ fhuair thu làn spaine do cheill’ Na b’fheairde tri fichid, Do’n mhuintir is mios’ tha fui’ an ghréin, C’ait ’n cualas ’thug bàr orr’ Ann ’n gliocas, ’s an cairdeas, ’s an speis, Cha ’n ’eil a coimeas ri aireamh, Tuille san àit ud na deigh. ’Nuair a rig’teadh do bhaile, ’S beag a gheibht’ air do mhalla do ghruaim, Glac-gheal na meur fainneach, A’ furanadh failte le h-uaisle, B’é beatha luchd daimh agad, Is thigeadh do chairdean ’s gach uair, Bu tric thu sgaoile le d’lamhan, ’Gach aon ni ’ghleithe dhuit buaidh. Ach Fhir Innis-Eoghain, ’S goirt do chridh’ ann d’ chòm ’s tu na deigh, Thu co-throm ri cloich-mhuilinn, ’S beag an t-ioghn’; sgoirt a bhuin ruit an t-èug Thaisg thu bean agus mathair, Nach robh ’n coimeas ri aireamh measg cheud Dh’fhàg sud cridhe an cairdean, Air a lota ro’ chraiteach nan deigh. [TD 23] Thagh thu slat as an fhinneadh, Nach gabhadh bonn gioraig san ruaig, ’Bhan Domhnulach ghasta Thainig oirne air astar a nuas Bi’ sud plùrain a Cinnidh, Dh’fhàg sinne fu’ iomagain chruaidh O is e ’n t-aog thain’ a’ d’ thirreadh Cha ’n fhaoite a pilleadh o’n uaigh. ’S tu thainig do’n bhaile, Far am faighte luchd eallaidh ri ceòl, Le fir ùr agus fleasgaich, Losgadh fudair le beadra’ gu leoir, Ri àm suidhe gun dinneir, Cha ’n fhuil’gte ceòl fileadh da ’n coir, Ach deadh Fhear-an-tighe Toirt a chomhairl’ mu’n seach dhoibh m’an bhord. ’S e do bhás-sa a Chlemi, Dh’fhag uille an Cinneadh fui’ bhròn, ’S a liuthad meur tha ga’n tuille, A meudach an uireasbhuidh mòr, ’S e dh’fhag na h-Abbaich co dibli’, Liuthad faillean grinn priseil deas òg, Dh’fhalbh a mach as na rioghachdaibh Tha ’n diu uatha nan sineadh fui ’n fhoid. Tha Teaghlach na Glas-choill, Is iad uille fui’ airsneal a’ d’ dheigh. Tha ’n ciabhan air glasa, ’S beag an t-ioghn’! thug e sgap’ orr’ an t-eug Cha’n eill aon ga’m bi’dh niosgaid, A dh’fhanas an taiceadh an oleibh [TD 24] Nuair theid bichiont a lota, ’S ro thric le bhi silteach na dheigh. ’S àmh’uil sud ’s mar a thachair, Do ’n teaghlach bha ait is iad coir, N’ar dhalbh ’n nì is an daoine, An cuid is an greadhnachas mor, Cha rabh iad uìle ga acain, Gu’s ’n do dheilich riu ’n gallan deas òg, ’S mor an léus air a chinneadh, Bhi na shìneadh fui’ dhèile nam bord. ’S ann na luidhe sna h-Innsibh, Tha choluinn dh’fhas siobhalta coir, Mar bha Iain na Glas-choill, Fear aoibhinn bha aite gun ghò, Gun aon duine ga chàirdibh, Ga fhaicinn ga chàramh fui ’n fhoid, Dh’ fhàg sud Athair, ’s a mhathair, ’S a phiuthar ro chràiteach re ’m beo. Ach com’ an ghabh’maid ardan, Na uaille na àilghios na ’r crè, Tha gach duine shiol Adhamh, Ro-chinnteach am bàs dhol na bheul, Bho ’n Riogh gu’s am baig ear, N’ar a thig orr’ an teachdaire trein, A Righ nan dùl, is nan aingeal, Gabhsa cùram ga ’n anam sa dh’eug. [TD 25] ORAN VIII. Do Chlann Domhnuil Bhrai’-Lani air cumhadh briseadh a Chaptin DOMHNULAICH. CHAIDH ’n saoghal so gu bochduin, Chaidh air lota Di ciadain, ’S iomadh fear a bha ’g osnaich, Tarruing sporan le h-iallaibh, ’Dhol a phaidhe a Bhanc’ so Sheasamh onoir na rioghachda, Le dianadas dhaoine, Air aornadh ’n taohh shios damh. An sin thubhairt Do’nul Mac Pharlain, “’S mi tha craiteach san tìm so, “A’ trus’ airgid a Bhanca, “Thug mi seachad gu mithuir, “Nam bi’dh an t-snaim so leam thairis, “Is Bill diongmhalta cinntich, “So mo lamh’ bhean-an-tighe, “Nach dean mi leithid gu dìlinn.” A Chlann Domhnuil Bhrai-Làni ’S i air slainte gu’n iarrainn, Leam is duilich air caramh, ’S air cuid àraidh bhi dhi oirbh, Rinn air deadh charaid gasta, Air Caiptin ’ur diobairt, Ge mòr ’rinn sibh thaic’ as, Muire is goirt bheir é ’n sgriobs’ oirbh. [TD 26] Gur gà’ leam, a Chaiptin, ’S tu làn gaisge a’s cruadail, Gu’n do leig thu air aghaidh Am buille-taothail co’-cruaidh orr’, Air clann sin bhrath’r t athar, ’S cha b’iad na crathanaich shuarach, Ach gaisgich mhòr fheumail, Uil’-bheumnach ’n àm tuasaid. B ann diu’ Gilaspu’ Mac-Dhomhnuil, Fear glic comhnard dh’fhàs cinnteach, E co’-direach ri banca, Is é co’-ceart ris na disnibh; Is é b’urrain ’sa chàs ud, E fein ’s a bhraithrean mòr priseil, Mur bhith gu’n d’rinn thu an lota ’S nach ’eil iad sochdair na’n inntin. ’S é mo ghrad-sa an curraidh Dh’fhàs gn fullanach laidir, Ge do dh’fhàilin a chas air, Bha é sochdair na nadur B’é ceann na cèile ’sna comhairl, Anns gach gnothach m’an tàr é, Lan tuigs’ agus leirsin, O a’s reusain ’s gach àite. ’S ann thuirt Alastair gasta, ’Tha ’n trath’ s’ am Brai’-Lani ’M fear tha siobhalt na bhruithinn, Is ro’ shuidht’ na nadur, A tha fàrast na ghluasad, Gun tuasaid mar àbhaist, [TD 27] ’S leis deadh bhean-an-tighe, Tha gu foighidneach nàrach. C’uim an leiginn air di-chuin, ’S cha diobairean fhein iad, Deadh Ian a s Domhnul, Dà chonnspul ùr threubhach, ’S math a thig dhuibh na breacain, Air am pasgadh ann fèile, ’S a Righ gur iomadh bean uasal, Bheireadh buaile do spreidh’-dhuibh. Dhomhnuil bhain tha ’s an Aìridh, Ghnuis àilidh tha cèutach, Na biodha ortsa bonn triobloid, Ge d’ chaidh briste ann a’ d’ t-fheadail, Ach tog suas do mhisnich, ’S bi glic as a dhèigh so, ’S gheibh thu riobhainn dheas ghasta, Agus pailteas do spreidh le. Nach gabh sibh, mo leisgeul, Ge do leig mi air di-chuinn, An riobhainn ghlan thaitnich, Is dreach’air tha ’s tir so, Peggi bhan tha ’s an Airidh, ’S i ’s àilidh a chi mi Do bhrollach Chloinn-Domhnuil, Do na connspuin nach striochda. ’Nuair a theid thu do’n Chlachan, Nail’ is tearc bean is boidhìche, Do chul buidhe, cas, dualach, Mu’n cuairt ort ann ordamh, [TD 28] Gruaidh dhearg mar na caorainn Malla chaol, aghaidh bhoidheach Deud dhlu gheal mar a chailce, ’S niarachd fear ’a gheibh coir ort. ORAN IX. Moladh do I. MAC-GHRIGAIR Tighearna LA’RAIG. Air fonn. ’Bhean leasaich an stop dhuinn. IA’N Mhic Eòghain òig ghasta, O In’ar-loch-lair’g nam badann, S fhad do thriall bh’uainn air astar, Gu ma slàn do theachd dha-thigh, ’S gu meall thu t-oighreachd o La’raig so shios. ’S gu meall, &c. Gu meall tu t-fhearann is t-àite ’Dhuin’ uasail dh’fhas áluinn Mar sud a’s Sron Slàthainn, A’s na ghlacadh air laimh leat, Nighean Rua’ri na ’n lann a’s na’m pìos, Nighean, &c. ’Bhan-Leodach ùr ainmeil, O Lagan Shiol Tor’mailt. Leis an eireadh an armailt, Na fir acuinneach ghail’each, Air nach fhaighte bonn cearb an àm strì. Air nach, &c. [TD 29] Dhomh-sa b’aithne’ ghaoil t-àbhaist, O’n ùr-choill as an dh’fhas thu, Slat do’n fhinneadh bha báidheil, Uasal cinneadail càirdeil, Ach an trath s’ air failn’, is air crionn. Ach an, &c. A shàr Ghriogaraich ghasta, Nach diultadh mar fhasan, N’ar tharladh é ’d ghlacaibh, ’Bhi’dh dioladh a phàilteis, Is aig òl air fion daite na’m pios. Is aig, &c, Dhomh-sa b’aithne an èucag, A thog thu gu cèutach, Nighean Ian Mhic Shir Seumas, Leis an eireadh laimh-fheuma, Nach obadh fu’ d’ bhrèid leat dol sios, Nach obadh, &c. Ann an àm dol thair sail’ duit, Bu leat furann is failte, Thaobh t-Athar ’s do Mhathar, O ghlacaibh Iarl’ Antrim. ’S leat Cloinn-Domhnuil ’s airde ’san riogh’chd. ’S leat, &c. Thig do chairdean o Shlèite ort, ’S o Dhun-tuilm na’m fear cèutach, O Dhun-bheagann na’n steud each, ’S o Chaisteal Bhrà’an gu’n eireadh, Na fir acuinneach ghlèust’ an àm strì. Na fir, &c. [TD 30] ORAN X. Oran do ALASTAIR Ban DOMNULLACH Thulaich-crommi. CHAIDH mi turus chunn na féille, ’S cha ro’ mo sporan ga’m reir leam, Ach thachair orm, uaislean glè ghlàn, ’S rinn iad còbhair ghrinn ri ’m fhèum orm. E ho, aoi ri ri u, Ho aoi ri ri u, Hem u li bho, aoi ri u. Alastair òig na gruaige àluinn, O’n Gharbha-mhor ann Bàid-aineach, Gu ma fada fallain slàn duit, Thug thu gibht dhomh ’san damh àluinn. E ho, aoi ri, &c. Thug thu gibht dhomh ’san damh chìar-dhù, Bha gu fada’ foinneamh finealt’, Bha dà chloich do gheirr na dh’ì ann, Is fhuair mi air a theice guìnni, E ho, aoi ri, &c. Alastair an òir fhuilt shniomhain, Gur tu Marcaich nan stèud riomhach, ’S math thig òr air torr do dhiollaid, ’S niarachd ban-tighearn’ bhuidhinn cìs ort. E ho, aoi ri, &c. Alastair an òr fhuilt chleachdaich, ’S ann t-aodan a tha mhaise, [TD 31] Da ghruaidh ort mar ubhal slaite, Deud gheal dlu air dhreach na cailce, ’S niarachd gheibheadh pòg gun chais bh’uait. E ho, aoi ri, &c. Alastair an òir fhuilt chraobhaich, ’s beag an t-ioghna thu bhi tèomadh, ’S tu céannard an teaghlaich ghreadhnaich, ’S b’i do Bhan-tighearn’ In’n Mhic Raonaill, E ho, aoi r., &c. ’S beag an t-ioghna thu bhi reachdail, ’S laidir do chairdean fui’m brataich, ’N’ar dh’eireadh Mac Raonaill na Ceapaich, Is Fear Obair Ardaich na thaice, ’S truagh leam namhaid chuireadh cais oirbh. E ho, aoi ri, &c. Dh’ innsin duibh aogas an oigfhear, Fear garbh, céi’reanach, dh’fhas comhnard, Do Chinneadh uasal Chloinn Domhnuil. ’S math thig Ad, is spuir, is bòtann, Is feìlle ghrinn duit ’s breacan boidheach. E ho, aoi ri, &c. ’S an uair theid thu do Dhun-eìdin, ’S an Tigh-lagha gheibh thu eisteachd, Cha do chuir thu duil ’san eucoir, Is theid thu Lun’uinn leis mu’n geille thu, E ho, aoi ri, &c. M’ fheadail is m’ullaidh is m’ aiteas, Air Alastair an òr fhuilt chleachdaich, [TD 32] Dh’ fhalbh thu ’n dè le d’ dhròbh a Shasgann, ’S gu ma slàn, gu ’m pill thu dha-thigh. E ho, aoi ri, &c. ORAN XI. RANN Do’n Ti cheuda. ALASTAIR òig Thulàich crommi Gur tù ’n sonnanach maiseach, Do dha shuil fu’ t-aird mhalla, ’S tearc do choimeas ri fhaicinn, ’S tu sàr mhac an duin’ ùasail, Bha làn cruadail is gaisge, ’S mòr m’ aithear is m’ eìbhneis, Dol chunn na feìlle ’n diu’ t-fhaicinn. Cha d’ fhuair mi ’n uirridh mart-geamhraidh Ri a’m teanndachd an dulaich, Bu mhi-fheìn sud an coirreach, ’N’ar a rinn mi do dhiulta. Na ’n rachainn Dhun-blathan, D’ fhuair mi dha-thigh le’m laìmh i, Ach gheibh mi i am bliaghna, Ma ’s fiach leat mo chainnt-se. ORAN XII. Do Dhonnacha MAC-NEACHDUIN. DHonnach’ Mhic Neachduin so sios uainn ’S tu ceannard an teaghlaich shiobhailt, [TD 33] Drobhair mhart am fèill an Righ thu, Na robh airce òrt gu dilinn. E hò i iubhra o, Ao horan o, E ho i iubhra o. ’S an agad tha ’n tigh mor flathail, Am faighte muirn a’s ceòl a’s aithear, Gheibhte sud ann ’s deadh bhean-tighe, ’S tric i riathrach air luchd tathaich. E ho i iubhra o, &c. Chuala mi naidheachd an trath so, ’S leam cha b’ait bhi ga claistinn, Gu’n d’ fhalbh do chroth ’s t-aidhinn dàra, ’S iad ga’n iomainn dh’ ionnsuidh sàile. E ho i inbhra o, &c. Leam bu duilich thu sa chàs ud, A’s do ghillean bhi ga’n sàrach, Nach fhaighe tu dhoibh na pàircean, Ach gan sparra ann an gàra. A’s droch leab’ ort daor am pàidhe. E ho i iubhra o, &c, Cha b’é sud, a ghaoil a chleachd thu, Ach leaba chloithe bhi fui d’ leasaibh, Do chuirteanan an deigh ’s am pasgadh, A’s do cheìle ghasd’ a’ d’ ghlacaibh. E ho i iubhra, &c. Ach tha mo dhuil ann Righ na màra, Gu’m bi’dh gach cuis duit mar bu mhath leam, [TD 34] Gun thig thu fein ’s do chroth bainne, Sàbhalt dha-thigh Bhaile Chaillean. E ho i iubhra o, &c. Na’m bi’dh gach cuis duit mar mo raoghainn, Bhì laogh aig do ghamhainn bleoghan, Bhi an t uan duit aig an òthaisg, Gach ni ga reir cinntin na dhiaigh. E ho i iubhra o, &c. Leam is duilich caramh t-fhardaich, O’n a chaidh do thigh a spearla, Nach ’eil Mairi mar a b’àbhaist, ’S a croth laoi air ’n cuir o’n àite. E ho i iubhra o, &c. Na’n d’ thigeadh beud ruit fein na puthar, ’S iad bochduin na tir bhiodh fu chumhadh, B’ è do theaghlach dhoibh ’n ceann-uidhe, ’S lion ’ar beannachd rinn thu bhuidhinn, E ho i iubhra o, &c. ORAN XIII. Fearas-chuideachd mu chaonaig bh’ aig CLANN DOMHNUIL. THOIR mo shoirridh do Bhra’ Lani Dh’ionnsuidh nan armunn ceannalt’ Chuala mi gun rabh sibh ’n tuasaid, ’S iad nach buantaiche oirbh, air m’fhalluing. O! Ri ochoin, Cha mhio-chionn leam, Mo runn geall donn bhi dol tharuibh. [TD 35] Ge d’ nach ’eil é buidhe dualach, Bha è cruadalach ro smearail, Cha naithne dhamh aogas ’san àite, Ach a bhraithrean grinne, ceannalt. O! Ri echoin, &c. ’S duilich leam do mhuintir chèile, A chuir èis ort oscionn drama, N’ar sheas’ Do’nul gorm ri d’ chul-thaobh, Gur h-é sgiursadh iad le chamann. O! Ri ochoin, &c. Cha rabh armachd air san uair ud, Thain’ iad air le ruath’r cabhaig, Cha rabh Cannanach san àite, Chuireadh Domhnul ban ri talamh. O! Ri ochoin, &c. Na’n tigeadh Ian breac Mac-Dho’nuil, Anns a comhrag ’s gun a ghean air, Is é chròma oirbh a dhornaibh, Cha bhi duine beo dhuibh fallain. O! Ri ochoin, &c. B’é sud an cùraidh laidir trein, Bha gun bhreine ’s gun ainneal, A Righ gur h iomadach bean uasal, Bheireadh buaile dhuit chroth ballach. O! Ri ochoin, &c. Ach a Dho’nuil bhain ’san Airidh, Sud an t armunn suairce smearrail, [TD 36] Giomannach gunn air chul stuic thu, Leagadh utlaiche gu talamh. O! Ri ochoin, &c. ’S è sud siol na’m fior dhaoin uaisle, Bha gun tuasaid a’s gun mhearachd, Ach togt’, orra ardan, Chloinn Domhnuil, Is bheireadh iad stroic as gach malla. O! Ri ochoin, &c. Sin n’ ar lahhair Iamaica, Duin’ uasal cèutach, grinn na theangaidh, “Mar bhith ’n drama a bhi am cheann, “Cha d’ thainig mi ’san àm n’ar carraibh. O! Ri ochoin, &c. “Ach Alastair na biodh ort mio-thlachd, “Ge d’ thain’ mi-fhin ’n ceann do dhrama, “Ge d’ bhi agaibh fion na brandi, B’ urra mi ga dhioladh mar-ruibh. O! Ri ochoin, &c. “Ach theid mi marach do Bhra Lani, “’S gheibh mi failt o Shìne Chan’nich, A’s ni mi reite riut a Shandi, “’S air m’ onoir biodh dram’ sa mhalairt. [TD 37] ORAN XIV. Moladh do IAIN MAC-AN-ABBA. I’N Mhic Sheumais Mhic-an-Abba, Gu ma maithreann duit le sòlas, I’n Mhic, &c. ’S Drobhair grinn a cheannach mhart thu, Far an tachair thu air còmh’ail. ’S Drobhair grinn, &c. Tha thu shiol nan uaislean gasta, Bu ro-mhaith am feachd na’n toir iad. Tha thu shiol, &c. O Chinneala nam fear priosail, Gheibhte pìosan dearg an òr ac’. O Chinneala, &c. ’S tu ceann na cèill’ a’s a ghliocas Gur mòr do mhìos anns gach coìsridh, ’S tu ceann, &c. Fhuaras cinnte air do thapadh An latha sin thachair thu ’n Cnoideart, Fhuaras, &c. N ’ar thachair ort Mac-Leish an sgadainn Am bodach sgallach bha ’s Tigh osda. N ’ar thachair, &c. N ’ar tharruing eisean a champ ris, Cha robh do chairdean a’ d’ choir-se, N ’ar tharruing, &c. [TD 38] Gu’n d’thain’ Ocàthan ’s Cloinne Ghriogair, ’S b’iad luchd na misniche moir iad. Gun dain’, &c, Na’m bi’dh fios ac’ air a’ d’ dhuthaich, ’S lion’ar fear ùr bhi’dh a’ d’ chòmh’ail. Na’m bi’dh, &c. Dh’eireadh leat-sa Cloinn-an-Abba Na suinn neart’ar, reachd’ar, mhòrail, Dh’eireadh leat-sa, &c. Dh’eireadh Clann Domhnuil a’ d’ thaice, O ’s ionnan bratach fui’n seol sibh. Dh’eireadh, &c. Thigeadh do chairdean o Bheallach, Luchd na’m bratach, ’s na fear mòra. Thigheadh, &c. Dh’eireadh sud leat ’s Cloinn-’ic-Neacail, Na fir thapaidh ghlice chomhnart. Dh’eireadh, &c. Is moran uaislean da’n tuille, Nach urrain mi chuir an ordamh. Is moran, &c. ’S lion’ar sruthann bras le h-uabhar, Th’ aig eiridh suas ann do phòraibh. ’S lion’ar, &c. ’S iomadh ban-tighearna og phriseil Leis ’m bu riomhach t-fhaidhinn pòsda. ’S iomadh, &c. [TD 39] ’S aithne dhomh Ban-Leodach ghasta. Le buaile mhart aic’ a phorsan. ’S aithne dhomh, &c. Guidheam dhuit do raogha cèilidh, ’Ni ga d’ reir am fad is beo dhi. Guidheam, &c. Fear mor, cumadail a’ d’ phears’ thu, Ga maith d’an tig breacan is Còta. Fear mor, &c. Calpa grinn nach iarr’ an gartan, Troighibh ’n caiseart chuimir comhnart. Calpa grinn, &c. Gun chron cumadh a bhi air mior dhiot, O chul do chinn sios gu d’ brogaibh. Gun chron, &c. Ach I’n Mhic Sheumais Mhic-an-Abba, Gu ma maithreann duit le sòlas. ORAN XV. Moladh do DHUGHAL MAC-DHUGHAIL Piob-fhir ann Aird-mac-maoin. A DHUGHAIL bhàin o’n Ghallanaich, Gu ma fada mairtheann thu, Saoghal buan ge d’ bheathacha, A’s pailteas leat do storas. Saoghal buan, &c. [TD 40] ’N ’ar chunnaic mis’ am fleasgach ud Tigh’n dha thigh ’n àm an fheasgair oirn, Le bhreacan caol ann pasgadh air, ’S a gunna glaic na dhorn. Le ’bhreacan, &c. ’S è Dughal bàn am Piobaire, C’uim nach deanainn innseadh dhuibh, ’Nuair theannadh é, do rireamh ri, Gu’m b’ àrd a chluint’ an ceòl. ’Nuair, &c. Is i do phiob tha ainmail, Chaidh cliu sheinn feadh na h-Alba, Gur lion’ar iobhraidh bhall’-bhreac Orr’, airgid, agus òr. Gur lion’ar, &c. ’N ’ar sheideadh tu le t-anail i, Bhi’ fuaim na’m feadann cai’reamach, Gu’m b’ àrd a chluint’ an langann aic, ’S b’ eannghara do mheoir. Gu’m b’ àrd, &c. S’ beag ioghnadh a bi’dh priseil duit, A bhean ’thug glun a’s cìocha dhuit, ’S tu ’m fleasgach foinneamh fineanta, ’S gur siobhalt’ cainnt do bheoil. ’S tu ’m, &c. Thig osan gearr a’s gartan duit, ’S fèile ghrinn ann ’m pleata ort, A’s bonaid du’-ghorm dàite, Mu d’ chùl bachlagach mar òr. A’s bonaid, &c. [TD 41] An àm cruinneacha na’n cèudan, ’Bha ’m baile mor Dhun-èidin, Gu’n d’fhuair thu cliu na d’ fhèuchain, Ach Mac an Sgeulaich oig. Gu’n d’fhuair, &c. Ge d’ bhithinn fheìn a’ m’ mhaighdinn, Is coir agam air oighreachd. Na’n tigeadh tu a’ m’ fhainneachd, Bu leat’, le caoineas mor. Na’n tigeadh, &c. ORAN XVI. ORAN do IAIN MAC-CHIONLAIDH. IAIN Mhic Fhionlai’ anns an Ainidh, ’S i do shlainte a theid man bhord; Fleasgach finealta, soimhe siobhalta, ’S mor tha dh’fhirinn an cainnt do bheoil. Fleasgach fineanta, soimhe siobhalta, &c. Fear t-aogais cha dian mi fhaicinn, ’Nuair theid thu ’n Chlachan ’measg an t-slòigh. Eear t-aogais, &c. ’S maith thig leine ghrinn an anart, An diaigh banna, mu chaol do dhorn. ’S math thig, &c. ’S math thig dèise as a bhù dhuit, A chosta cruntain dearg do’n òr. ’S math thig, &c. [TD 42] ’S math thig osan gearr, is gartan, Mu’d chalpa gasta nach dochainn bròg. ’S math thig osan, &c. Cha mheas’ thig breacan gast’ am fèil’ ort, Dhol chunn na feille a reiceadh bhò, Cha mheas’, &c. N’ar a tharladh tu ann ’n cuideachd, Cha bu sgrubair’ thu an tigh ’n òil. N’ar a tharladh, &c. A righ gu meall thu fhein do cheile, Gur i an èucag ghlan gun ghò. A righ gu meall, &c. An t slatag innealt’ a’ bràidhe glinne, Do’n teaghlach chineadail chriothail chòir. An t-slatag innealta, &c. Màiri ghasta nighean Iain ghlais, Do bheulan daite o’m blasta pòg. Màiri ghasta, & c. Mari chèutach nighean an Eilteir, Bu chiallach beusach leam a gloir. Màiri chèutach, &c. ’S lion’ar laidir a dh’fhàs do chairdean, Anns gach àite is aithne dhomhs’. ’S lion’ar, &c. ’S leat Cloinn Mhic Bhèithinn o Shrath a Ghlinne, Gu’s an rigeadh iad Innis bhò. [TD 43] ORAN XVII. ORAN MOLAIDH do IARLA BHRAID’-ALBAN. SO deoch slaint’ an Uasail ainmeil, Iarla Bhealaich, a’s Bhraid’-Alban; ’S iomadh Oighre, breagha, calma, Dh’eireadh suas fu’ d’ bhrataich bhall-bhric. ’S uasal urramach do chairdean, Ard Chaimbeulaich Earraghaidheil, ’S Mòr’ear STONFIELD Brath’r do Mhathar, Ni e gnothach rèidh ’s gach càs duit. ’S fhad a STILINN riut-sa t-fhearann, O Lathurn-iochdrach gu Bealach, ’S leat Gleann-Urcha na’n Sonn fearrail, ’S sios gu Drochaid Obair Pheallaidh. ’S lionmhor òg-laoch, scairteil, buaghail, Dh’ eireadh a’ d’ chomhna ’n àm cruadail, O Ghleann-Dochart, Locha, ’s Chruachan, Thig an Toìseachd, ’s Glean a Cu’aich leat. ’S iomadh fear fèil’ is breacan bhoidhich, Thig le umhlachd an do chomh’ail, Luchd na’n gèur-lann threine, sheòlta, Rachadh sios an ruaig na ’n comhrag. ’N uair thogte do Bhratach-Bhuidhe, ’S ann leat a dh’ eireadh a bhuidheann, [TD 44] Nach gabha curam ’sam uidhe, Chuireadh do naimhde na’n siubhal, ’S tu sàr mharcaich na’n each cèumnach, ’S ro-mhaith giùllachd feathamh t-fhèuma. A ghearra srann, ’s nach pillte an lèum, ’S minig bhuidhinn cliu, ’sna rèisibh. Sealg’aìr feìdh ’s a bheinn le gunna, Iasg’air bric thu air a bhuinne, Said’ear cruadalach ’s gach cunn’art, Leòmhan garg, ’s am blar ’g a cunbhail. Uasal, iorasal, na nadur, Suairce, misneachail, na chàileachd, E na ghuala-thaic, do chàirdibh, Blà ri thuadh; is fuar ri naimhde. Cosmhuil gluasad ri t-Shean-sean-aith’r, A bha gu cruadalach gramail, A chuir an ruaig an la Ghallo, ’S thug òr nan Tuathach a Bhealach. ’S fearail, maiseach, macant, aoighail, Aghaidh fhlathail, chiuin mar mhaighdinn, Suile corrach gorm mar dhaoimein; ’S niarachd Ban-tighean’ gheibh a chaoimhneas. Nuair a philleadh do Chuirt Stormail, ’N àm an fheascair o’n Bheinn Sheilge, ’S ann a’ d’ Thalla gheibhte chuilm dhoibh, Gillean freasdail feathamh seirbheis. Gheibht’ an deìgh gach cuirm gun fhailné, Brandi, ’s beoir, dh’ òl a deoch slainte, [TD 45] Fleasgaich òga cluich air thàileasg, Cèir a’ lasadh, ceòl ’s gach àite. ’N àm bhi suidhe air an Dineir, ’S arde chluinte fuaim do phioba, Na fir òga poit air fion leat, ’S as do phòc m’an òr cha chrion thu. Seiseadh bochd, a’s nochd, a’s tuadh thu, ’Seasamh an ceartais ’s gach cruaidh-chas, T-inntin leat mar t-fhior fhuil uasal, ’S rioghail an Stoc as do bhuaint thu. B’ é ’n t-Iarla so gradh gach duine, Ann sgach àit’ an raibh a thurus, ’S o Mhorachd Righ Deors’ fhuair urram, Na PHEER am Parlamaid Lun’uinn. Guidheam shlainte Chaiptin Caillean, Fiuran grinn is said’ear fearrail, Thairneadh a dhaoine ’n àm carraid, Bhui’neadh buaigh larach gu gramail. Le d’ chuid daoine cha bhi sgà ort, Dol air t-aghaidh ann ’sna Blaruibh, ’S math thig deiseadh dhuit do Scarlaid, Or gun chùine dlu mu braighe. ’S gu ma slan do’n Armunn Uasal, A th’ air Bealach, an san uair so ’S gu meall thu ’n graim, sin, bu dualchas, Air gach STILE a ’tha ga’n luaidh riut. [TD 46] ORAN XVIII. Cumhadh do Chloinn IAIN CHAIMBEIL, air dhoibh falbh dh’ America. ’RIGH gur mis’ th’air mo chràdh, Thuit mo chridhe gu làr, Ge subhaltach cach a’g òl, ’Righ gur mis’ th’air mo chradh, &c. ’S tric mi ’n smaontainn bochd truagh, Is an dèur air mo ghruaidh, O ’n ’thaisg iad ’san uaigh Iain òg. ’S tric mi ’n smaointinn bochd truagh, &c. B’ é mo chèile glan, suairc, Bha gun small air, gun ghruaim, Ach gu farasta stuama còir. B’ é mo chèile glan suairc, &c. Fhuair mi sàruch is gleachd, Ghaoil aig àrach do mhac, ’S gun duine dhiubh ’m bheachd na’m chòir. Fhuair mi saruch is gleachd, &c. Ge do chluinn mi ceol pìob, ’S ann a dh’ fhàsas mi tinn, O’n a dh’fhalbh iad uam fheìn na seòid. Ge do chluinn mi ceol pìob, &c. [TD 47] Dh’fhalbh Domhnul air tùs, Bu mhor gliocas, a’s tùr, ’Bha gu foighidneach ciuin na sheòl. Dh’fhalbh Domhnul air tùs, &c. Sár ghobhann nan àrm, Lamh dheanadh an t-sealg, Bha t-intinn gun chealg, gun ghò. Sàr ghobhann, &c. Fear finealta trèun, A b’ fhirinnich bèus, Dh’fhàg m’inntin gu lèir fui’ bhròn. Fear finealta trèun, &c. O ’n taic’ so la ’n dè, Tha mulad orm fein, O dh’ fhalbh é ’uam Seumas òg, O ’n taic sò la ’n dè. Cas is grinn’ theid air feur, Osan cuimir d’ a rèir, Cha dochainn thu ’m fèur le d’ bhròig, Cas is grinn, &c. Fhir a chalpa ghloinn ùir, ’S gìlle cneas, ’s guirme suil, Deud mar chailc ort tha dlu gu leòir. Fhir a chalpa, &e. ’S math thig deise o’n bhù, Dhuit a chostas na crùin, Riflis gheala a’ dùn mu d’ dhorn. ’S math thig deise, &c. [TD 48] O’n a dh’fhalbh thu ghaoil ’uainn, Ann an caidreamh a chuain, Gu rabh Ard Righ nam buagh a’ d’ choir, O’n a dh’fhalbh, &c. Nis cha chluinnear mo bhròn, ’S cha’n fhaicear mo dheoir, Fhad ’s tha Càlum am choir na’r deigh. Cha chluinnear, &c. B’è sud sgoilleir mo ruin, Ann ’s na chuir mi mòr dhuìl, Làn do ghliocas ’s do thùr, gu lèir. B’é sud sgoilleir, &c. Sàr sgriobh fhear le peann, ’S mòr an tùr a tha ’d cheann Ciallach, foighidhneach, caoineil coir. Sàr sgriobh’-fhear, &c. Gheibht’ thu ’n seomar leat fein, ’S do Phiobull ga leugh’, Ann an creideamh Mhic Dhe na gloir. Gheibht’ thu, &c. B’è air miann a’s air tlachd Thu bhi d’ Mhinist’ear gast, Is nach rachadh tu ’mach air bord. B’ è air miann, &c. ’S Righ gur mis’ th’air mo chràdh, Thuit mo chridhe gu lar, Ga subhaltach cach a’g ol. [TD 49] ORAN XIX. Moladh Riobhainn Uasail araid. Air fonn, An darna lath ’n bliaghn’ uir. MOCH ’sa mhadainn an dè, Ghluais mis’ air mo chèum, Do’n bhaile ’n d’ eisd mi ’n ceol. Moch ’sa mhadainn, &c. Dh’ Acha-mhòr ann so shìos, Far am pailte ’m fiòn, Mhnai’ grinne cuir sìod’ air seòl. Dh’Acha mhor, &c. ’S i MISS MAXI mo rùin, ’N riobhain àluinn, deas, ùr, Ga’n ro-mhath, thig gùn do’n t-sròl. ’S i MISS MAXI, &c. Thig sud mu’d chorp mìn, Sàr dheise do’n t-sìod’, Air a fhlùra gu grinn le meor. Thig sud, &c. Gur gile do chneas Na ’n sneach ud amach, Dèud dhlu ort, mar chailc gun ghnò. Gur gile, &c. [TD 50] Gur deirge do ghruaidh Na sùbhag am bruaich, Bèul meachair o’n suairc thig ceòl. Gur deirge, &c. Gur guirme do shuil Na criostal a’ bùrn, Na daoimein air dhùn an òr. Gur guirme, &c. ’N uair shuidhe tu suas Ridh Spionaid nam buagh, Gu’m b’ait thu bhi gluasad ceòil. ’Nuair shuidhe, &c. ’S iomadh Iarla a’s Diuc A tha saibhir ann cliu, Leis am b’aidhear gu’m b’ fhiu leat pòg. ’S iomadh, &c. Nach iarradh a sprèidh, Na dh’earras fuidh ’n ghrèin, Ach t-fhaighinn doibh fein riu posd. Nach iarradh, &c. Tha do chàirdeas am prìos, Ridh Bealach so shìos Na’n cup, ’s na’m pìos, ’s na’n còrn. Bha do, &c Tha do chàirdeas ro àrd, Ridh Sir Eòghan mo ghraidh, O Ach-na-carra tha ’n tràth s’ gun seòl, Thu do, &c. [TD 51] B’ é sud ’n Riodaire mòr, Gun uaill’ na gun bhòsd; Ach aidhear a’s ceol, as fir. B’ é sud, &c, ’S beag ioghnadh a MHISS, A bhi ard ’na beachd, ’S a luithad fuil reachd’ail mhor, ’S beag ioghnadh, &c. Th’air a cheangal ridh suas, Nach urrain mi luaidh, Le feobhas nan uaislin mòr. Th’air a cheangal, &c. Moch ’sa mhadainn an dè, &c. ORAN XX. Oran air CLAG CHALLASRAID. Air fonn, Latha Roin-ruairidh. ’S é mor chomhna ar n-uislean, Thain’ am smuainte ’s an tim so, ’N Eaglais mhor a chuir suas duinn, ’S Clag bhi buala na Stiopull; Tha mor mhaith do gach sluagh ann, Tha m’an-cuairt oirn ’san sgiorachd, ’Nuair ni Bhaltair a ghluasad, Cluinnear uaith e seachd mile. So ’n Clag a tha garrachdail, Chost mor airgid do’n sgiorachd, [TD 52] Cha ’n ’eil leithid d’an Albainn, ’S fad chaidh ainm feadh na’n Criochan; Ni air dusg anns a mhoch-thra, Dh’ol do chlachan gu siobhailt, Ge d’ bhith-maid fu’ airsneal, Bheir dhuinn caismeach thoil inntin. ’Nuair a thugadh é dha-thigh Nàll o Ghlas cho na beurla, ’S ann a chruinnich am baile, Ga fhaicsin le h-èibhneas, ’S fhad ’sa raibh duine maithreann, Da n-aithne a leugha, Gheibh iad sgrobht air a le’-taobh; Gu n deach ’bhaiste an Seumas. Cha b’ é ’mhain a thoirt dha-thigh, ’N raibh an spacadh ’san àm sin, Ach daoine bhi’ scartail, Ga chuir am fasda ’san Teampull. Rinn am Minist’ear innleachd, Air Machìne a Dun èidin. ’S chuirreadh suas é le Gibsan An crochadh le reidh-bheairt. A dheadh Bhuachail na sgiorachd, A ni gu direach ar seoladh, Mead do ghliocais cha’n innseam, Ann an Mineacha sgeoil duin, Tha thu siobhalta a’ d’ bhruithinn, Tha thu sudhaicht a’ d’ chomhradh, Tha thu farast a’ d’ ghluasad, Gun uabhar gun mhor-chuis. [TD 53] ’Nuair a chruinnicheas do phobull Dh’ionnsuidh t Eglais Di-domhnuich, Is fior dheas-labhrach t-fhocail, O chridhe reachdar làn sòlais Ge do bhiodhmaid ri lochdaibh, On a ghineadh o’r òig sinn’, Bu chruaidh bhi air cridhe Mur tiomaich briathra do bheoil sinn. Ach sheachd bhuidhe ri ’m Athair, Nach d’ rinn thu fathasd ar fagail, Gu’m faic sinn thu romhainn, Thoirt do comhairle ’s gach càs oirn Gu ma fadadh thu maithreann, Ann a’ d’ Thalla mar tha thu Air do theaghlach mor priosail Gu ’s an cinn iad an àirde. [TD 54] CO’-CHRUINNEACHA DO SHEAN ORAIN. Marbh-rann do Tighearna CHINN-LOCHA MUIDEART, a rinneadh le Bhan-tighearna fein. ’S E mo dhìubhail an t-aiseag, Air an d’thainig thu dha-thigh gun chainnt, Bi é sud an sgial nach rabh aite, ’Nuair a sgaoil iad do bhratach mu’n chrann, Bha fir air bheag cèill’ ann, Mnài ghrinne gun bhrèid air an ceann, Ge d’ ghiùlan gu h-eaglais, Fà mo dhubhaidh an leagadh a bh’ann. Chaill sinn Uachdaran cliutach, Air Uidhe ’s air Mhuideart nam beann, Sàr mharcaich deas sunntach, Air each aigeannach iùlar na’n srann, ’S màth thig Ad a bheoil ùir dhùit, Air chul bachlagach culbhui’ nan glànn Dol an coinneamh na cuirte, Righ bu fhlàthail an t-suil a bha d’ cheann. O m’ anam is meadail, Nach fhaiceadh mi èitidh o’ m’ chùl, [TD 55] C’ait’ ann b’ aithne dhomh fein sud, Ceann a Cinnidh a b’aighne na thu, B’ é do mhiann mi bhi stàtoil, ’S do laimh fhìn a bhi’ caramh mo ghùin, Gu’s an do choisinn mi grain ort, ’S é gheibhinn bhuait’ àit agus muirn. O! ’s mis’ th’ air mo sgarradh, ’N diugh falbh as do bhaile leam fhein, Ge d’ dheantar mo bhànnais, Cha’n fhaicear do thional am dheigh, Na bu mhaithreann mo ghra’-sa, Cha b’ ainnis mo charamh le spreidh, O’n is teachdair’ am bàs duit, So mo shochdair-se ’n gràsa Mhic De. O! ’s mis’ th’ air mo chiùradh Ri àm faicinn na dùcha ud thall, A’s cha lagh’ mo chuid airsneil, Air àm dhomh bhi faicinn nam beann, Mar-bhith dhomh-sa mar thachair, ’S ann leamsa gu’m b’ait bhi dol ann Gu’s an d’thàin’ an lom chreach orm, Mar gun ruidhe sibh clach leis a gleann. O! ’s mis’ th’air mo sguaba, ’N diugh coimhead a suas ris a ghleann, ’Sìor chuimhnich na’n uaislean, Nach dh’fhag sgàile do’n ghruaig air mo cheann, Mòr chliutach n-ingh’n Ruairi’ Eoin Mhuideart a b’ uaisle innse clànn, Sliochd sin Raonail Mhic Ailean. ’S è air n-aobhar bu coirreach ri m’ chall. [TD 56] B’ann air àm dol air thurus, A Nun ud do bhaile Mhic-Leoid, ’S iomadh sgealp do dhuin’ uasal, A ghluaiseadh le fùrann a’ d’ choir, Diaigh ’s treis thoirt air dhìsnibh, Treis èile air fion da shior òl. ’S tu b’urrain a dhioladh ’Nuair a bhithe cach diolte d’ a òl. ’S tu odha Dho’nuil na’n geur lann, Mhic an lànain a dh eisdeadh ri ceol, Ann an gliocas ’s ann ceutaibh, ’N gluasad ’s ann ceumanaibh mor, Fear t-eugmhais cha leir dhomh, Cha b’urrain domh fhaotainn na b’ fhearr, ’S è mo chron air an t saoghal, Nach maithreann na daoin ud gu brath. Gu d’ tha agam-sa leanabh, Cha bharaiche air bhan-altrum mi, ’S e do ghabh mi dhuit oran, Cha ’n eil bàinne gu leoir ann m’ chìoch, O ’n a dh’fhalbh thu air thurus, ’S a thain’ tu air aiseag, gun stri, Dh’fhàg sud truim air mo chridhe Gu’m fagte leis dithis gu tinn. O! ’s mis’ tha fui’ mhulad, Bhi faicinn do ghunn air an stèill, Gunna caol a bheoil chumhann, Leis an diana’ tu puthar ’s a bheinn, Air aisridh bheoil urrad, ’S minic dh’fhag thu damh mullaich fui’ steill, [TD 57] ’S n’ar a dhianadh tu ’n rusgadh, Cha d’iarr thu riamh cunntas na’m bèin. ’Nuair theid thu ’Dhun-èidin Cha bu gheamanach brein thu na’n ceann, Ach an t-aileagan cèilidh, ’S a cridhe gun fhoill ann, gun fheall, Air bheul-taobh barra na bìnne, ’S tu chuireadh an ireadh do chaint, ’S ann a labhra tu fios i, Co-ceart ’s ge do sgriobht i le peann. ORAN XXII. CUMHADH do CHLOINN na CEAPAICH, Le Iain Domhnullach. ’S tearc an diu’ mo chuis ghàire, A tigh’nn na’n roidean an Iar; ’G amharc fonn Iunnar-Lairig, ’S é ’n deigh ’sa strachda le Sìol; Tha Cheapàch na fàsach, Is i gun àird orra ’s fiach, Gu ’m faic an Righ bhràithrean, Gur trom a Bhàirc oirn an t-sian. ’S ann oirn thain’ an dimainn, Is an imagain gheur. Mar tha Claidheamh an Fhinneadh, Gu minic nar dèigh. Pacadh Thurcach gun sireadh, A bhi pinneadh ’ar cleibh, [TD 58] ’S am breacain d’ am filleadh, A measg bhur Cinnich mhoir fein. ’S cian o chomhairl an Aoine, Dh’ fhàg a chaoidh sin fuidh sproc; O àm na Fèill-Micheil, Far ’n do dhidion sibh ’m plot, A dh’ fhàg sinn ’nar miol-mùta, ’N ar fuigheal spùt air gach cnoc, ’N’air thig gach finneadh re chèile, ’S ann bhiodh’s sinn sgaoilt’ mu cnoc. ’S iad mo ghradh na cuirp chùbhraidh, Ann ’s m bu dlù cuir nan sgian, Is iad nan sineadh air urlar, An seomar ùr d’ an cuir sios, Fuidh chosa shiol Dubhail, Luchd spuineadh na n cliàbh, Dh’ fhàg àlach ’ur biodag, Mar sgaile-ridle am bian. ’S é Di-Sathuirn geàrra ’uainn, A bhuail an t-earachall sinn goirt; B’ iad mo ghraidh na cuirp gheala, Bha call na fola m’ am brot, Bha mo làmhan-sa Craobh-dhearg, An dèighs’ bhi taomadh bhur lot; Bhi d’ar cuir ann an ciste, Sgeul o miste mo thoirt. C’àit an rabh é fuidh’n Athair, A sheall a’ d’ bhathais gu gèur, Nach d’ thugadh dhuit fatham’s, A dh’ fhear do labhairt, ’s do bhèus; [TD 59] Ach clann sin bhrathar th’ Athar, Chaidh ’m boinn an Abhaist’ear thrèin; Ge’ d’ rinn iad sinne a lotadh, ’S tròm a rosad dhoibh fèin. Tha do chodal tigh dùinte, ’S é gun smùid dheth gun cheò, On a fhuair sibh ’n garbh dhùsgadh, O ’ar taobh-cuil, agus ’ur beoil’, Na’m faigheadh sibh ùine, O luchd bhur mirùin bhi beò; Cho be m’ baile gun sùrd é, Bha air ’r mùirn is luchd-cèoil. Ach a Mhòrair Chloinn Dòmhnuil, ’Cian do chomhnuidh measg ghall; Dh’fhag thu sinne ’nar breislich, Nach do fhreasdail thu ’n t-àm, Nach do ghleidh thu na h-itean, A tha gun fhios uainn air chall, Tha sinn corrach as t-éugais, Mar-cholainn sgaoilte gun ceann. ’S iomadh òganach gasda, Le lùb sgaite’ is ’sgiath chròm, Eadar drochaid Ault Eire, Is sruth Shleite nan tonn; Leis ’m bu mhiann a bhi ’g éirigh, Na ’m bidh do chrèuchdan lan tholl, A bheireadh mach t-eiric? A dheagh Shir Seumas, na’n long. Chuir an Righ oirn craobh shi-chainnt, ’Bha d’ar dìonadh gu leòir, [TD 60] Do’m bu choir dhuinn bhi Striochda, A’m fad ’s an cian raibh sin beo Mo ’s sinn fhein a chuir di orr, Bolc a dioladh sin oirn, Tuitidh tuagh as na Flathaibh, Leis an sgathar na meoir. An Glan-fhiùrann so bh’againn, An taobh so Fhlathaibh Mhic Dè, Thainig sgiùrsadh a bhàis air, Chuaidh thoirt uainn le strachd gèur, ’N t-aon fhlurann a b’ àilidh, Bh’ ann sa phairc, an rabh ’n spèis, Mar gu ’m buaineadh sibh àilean, Le fàladair gèur. Tha leann dubh air mo bhualadh, An taobh-tuathal mo chleibh, ’S ma mhaireas é buan ann, B’ fhear leam uam é mar chèud, Na ’m feudainn duibh innseadh, Gu bheil fírinn am sgèul, Tha luchd dheanamh na sìthne, Feadh na tire gun dèigh. Leithid a mort cho rabh ’n Albain, Ge bu bhorb sibh nar glèus, ’S bochd an sgèul eadar bhràth’rean. Dhol an lathair Mhic De Mar bhata air linnidh, Ge be shireadh no dhèigh, Cho d’ èirigh leithid do mhilleadh, Do Cheann a finneadh fuidh ’n ghrèin. [TD 61] Righ gur mise bha craiteach, Mar bha sibh gnàthach ’ur bheus, ’S ann a ghlac sibh am fàth orr’ ’Nuair chaidh ’m fagail leo fein, Chuir sibh cungaidh bhur càise, Ann an àros na n sèud Is bhur bùaileacha bà-chruigh Ann an gàradh na’m pèur. ORAN XXIII. Oran na Luinneag eadar Oig’ear agus a Leannan. MADAINN domhs’ an coillidh chubhraidh, ’S glainne fàille, aig sruthann lubach. Chunncas nionag laothach shugach, ’S rinn mi umhlachd dhi gu lar. Rnn mo cheille air do cheann dubh, Gorm shuil mhiogach bian mar ’n gruth, Beulan siobhalt ’s malla gun ghoimh, ’S e do ghuth mo ragha ceoil. Failt is furann ort-sa og-bhean, ’S deirge beul, ’s do gruaidh mar rosaibh. Tha mi deonach an d’ chomhail, ’S le d’ chead pogaidh mi do lamh. Run mo, &c. Chuir i fhiarr’ na muineal min gheall, Gabhail orra bhi ro fhia’aich, Thog i sron ’s gun sheal i shiar orm, ’S thuirt i Shiad’air tha thu ann. [TD 62] Tosd; cha ’n fheud mi, aideach thoirt duit, ’S mealtach t-eudain, ’s milis do ghuth. ’S cailte mi chaoidh mo dh’fhanas mi riut, Teanns’ bhuam, bhain do lamh. Thuirt mi ri a dheò-ghrein shul-ghorm, Chàrdail, chaomhail, chriodhail, shugach, Tha mi ’n càs do phòga cu’raidh, ’S bàs as ur dhomh bhi d’an call. Run mo, &c. ’Ta chleir cruaidh, ’s tha mathair agam, Bhios ga’m laimhsach na’m leabaidh, Mo bhios m’ chichean, làn na ataidh, Dhain-’eoin feachd, tha mise cailt. Tosd; cha ’n fheud, &c. Na biodh eagal ort a’ d’ mhathair, Cruadhas cleir, na adhbhar nàire, Ge’ d luidh mise ’m breacan lamh riut, Air mo laimh, cha ’n eagal call. Run mo, &c. Thuirt i rium tha òg fhir mealltach, Tarruin’ bhan le comhradh falsach, ’N te nach eagailich roimh ’scalta, Tha i cailte, bhos is thall. Tosd; cha’n fheud, &c. Dh’fhuil’gain bàs mu ’n t-airgein mi-bho, Do chul-cas-dubh, ’n fhuilt shnomhain, Air na chuairticheas a ghrian, Cha d’ uraiginn diut giomh na call. Run mo, &c. [TD 63] ’S é thuirt i cha ’n fhaigh thu aoidheachd, ’S cha leiginn do lamh ’m ruidheachd, ’S fearr bhi scaoilte o do dhruidheachd, Na bhi caoidh mo mhoighd’ neas cailt. Tosd; cha ’n fheid, &c, Chuir mi lamh ma muineal bian gheall, ’G earrail phog le comhradh siobhailt, Dh’iomair duileag beul a mhaodhainn, ’S bhuaill à cridhe h aisneach thall. Run mo, &c. Ghuidh ’s dh’ àithn’ i gun a maslach, Gun ach a pog ’mhain bhlasad, Mur b’ é mo rùn le ceud a Pharsoin, Ise ghlaca, cridh, is lamh. Tosd; &c. Na bi’dh adhbhar eagail agad Ni sinn bànais pòs is leabaidh, Bi’dh sinn sunntach aoibhinn aite, ’Sinteadh ’m ghlacaibh ’s lamh fu’ d’ cheann, Run mo, &c. Na’n saoilinn fein gu ’m bi’dh thu rireamh, Los do ghealladh a’ choi-lionadh, Cha bhi’ moilleadh ann a’ d’ t-iarrtas, ’S cha bhi’dh mio thlachd ànn ’m chaint. Tosd; &c. Sonas dhuits’ aingill ghaolach, C’àite bheil do luach ’san t-saoghal, Tha mi rireamh ’s na cuir baothal ann, ’S leig do chaol ri m’ uchd gu teann. Run mo, &c. [TD 64] Geillidh mi gun stridh do m’ oig’ear, ’S leat mo chridh’, a ghraìdh ’s mo chomhra, Luidhidh mi a’ d’ bhreacan boidheach, Fhleasgaich oig ’s mo lamh fo d’ cheann. Run mo cheilidh, fear ’n fhuilt thiugh, Rachain eug, mar dianadh tu guth, ’Mhain ’s le meadail mise an diugh, ’S dian-s’ rium ’n so na ’s aill. ORAN XXIV. LUINEAG. A nighean donn a chota bhuidh, Deann-sa suidhe cuide rium; A nighean donn a chota bhuidh, Chota bhuidh, chota bhuidh, A nighean donn a chota bhuidh, Dh’fheuda tu do ritheadh rium. THA nighean thall na suidhe D’ an d’ thig mise gaol mo chridhe, ’S ge d’ bhi’dh, an abhuinn na siubhal Gu’n rachain fhein a’m ruidh a nunn. A nighean, &c. Ge d’ bu leam-sa Leogh’s is Uidhist As na h-Earra cuidea’ riutha Bheirinn sud uam, as a thuilleadh Air a chòta bhuidhe ’s na th’ ann A nighean, &c. [TD 65] Ge d’ bu leam-sa do dh’ fheudail Na th’ eadar so ’s Dun-eidin Gu’n d’ thugainn thairis dhoibh fein é Chean thu bhi ’g eirigh cuidea’ rium. A nigaean, &c. Ge d’ bhithinn air bord am shuidhe Far am bi’dh ceol is bruithinn, Gu’n b’ fhearr na clarsach is fiodhall An còta buidh leis na th’ ann. A nighean, &c. Na’m faighinn-se toill na claire T’athar ’s do chairdean le cheile, Luidhinn leat as so leine ’S cha bhi’dh air ’n eirigh ach mall. A nighean, &c. Ge d’ bhiodhe do mhathair ann gruaim rium, As t’ athair air ti mo ruagaidh, Cha d’ thug ’s cha d’ tho’air mi fuath Do ainnir shuairce nan rosg mall. A nighean, &c. ORAN XXV. ORAN do Dhuine uasal araid. O! car deiseal ort ’Illeaspuic Rinn thu ’n seasamh cliutach, ’S toiseach ratha do mhac t-athar, Na h abhuig a mhucha, [TD 66] Gu d’ fhuair sinne, measg gach finneadh Air n’ innisg a thionda, Gun aon taing do n’ bheil ann Albainn, Tha Cloinn Cham’roin cliutach. O! rùn a’n Caiptein surdail, smachdail, A ni ’n t-astar sunntach, ’S tu bhuain an cearcal, is a chuir ceart é, Chuir fui smachd iad aon uair, Luchd a bheartais tha iad ceart deth, Caidlidh iad gun churam, Ach chuir thu caithris air gach beallach, Nach leig thairis aon fhear. ’S tu Mac an tighearn’ ga’m b’ainm Iain, Chuaidh air slighe nunn bhuainn B’e sud an duine chum ra mhionna, Nach d’fhuirich na dhuthaich, Bha cuid ac-sa thug na facail, Nach do stad ra ’n ùine ’Ghabh protection ghill iad dha-thigh, ’S chaidil iad nan rùmaibh. B’é sud am bèus a bh’aig an trèud ud O’n a dh’eirigh aon fhear, Fear na sgèth’ is na’n lànn gèura ’Nuair a dh’eighte, rusgadh Dol air adhart ’san ranc ghaothair, Faòghaid air gach taobh dhiu’, Gur tric uair a thug sibh ruaig, Is minic fhuair sibh cliu as. ’S tu Fear-an-tighe air chionn rathaid, Fear beatha gach aon fhir, [TD 67] Craobh thu n-àbhal bu maithe caithe Bu làthaiseach ùlan, Sud an reamhachd bu mhath cinntin, A bha ’n Righ a stiuradh, ’Chaisg an gniomh ’s chuir beul siòs Air pairt a ghniomh gach ducha. ’S leat bean-an-tighe bha fial’ flathall, An àthbhal nach lubadh, ’S tric i t-athan as a lamhaibh, ’N rut a ghleithe cliu dhi, Fhuair i ùrram, thair na h-urrad, Chunna’ mi le m’ shuilibh, ’S gu ’m faotadh Iarla tigh’nn a’ d’ iarraidh, Riaraiche tu Dìuca. Ge d’ tha mi ’n trath ’s measg mo chàirdean, Cha do thàr mi ìul orr’, Thug mi brisga dh’ iarraidh lit’rich, Chuireadh ris a ghriu mi, D’ gheall do choltas leis a phost, Fortan chuir am ionnsuidh, Ach tha i fhàthasd air an ràthaid, Bhris a cnaithean ’s lùb i. ORAN XXVI. LUINNEAG. ’S i luaidh mo chagair Morag, Mo cheile cadail Mòrag, Gu ’m b’ ait leam agam Mòrag, ’S gur taitneach leam do chomhradh. [TD 68] A Mhòrag bheag na’n dlu-cheum, Ga’ maith ga’n d’ thig na gunnat, ’S staimseir o’ ’n bhùdha, Mur d’ rinn mi mearrachd cunntais, Gur ro-maith ’n cèile Dhiuc thu, ’S i luaidh mo chagair, &c. Do dheud-gheal chomhthrom, chomhnard, ’S do bheul o’m binn guth orain, Cha ’n ’eil mais na boicheid, Nach eil ’n taic na h-oig-mhnai, ’S lu leannan na’m fear-oga. ’S i luaidh, &c. ’S gur mis ’ta air mo leonadh, O mhoch-thra’ Di-domhuich, Ge d’ theid thu sios do d’ sheomar, Cha smeid, thu orm gu comhradh, ’S cha ’n fhàiltich thu le poig mi. ’S i luaidh, &c. ’S gur lionmhor riobhain uasal, An trath s’ an deas ’san tuadh dhinn, Ata mor air ti ma ruagaidh, ’S coma’ nach bithinn suarach, Ge d’ bheireadh aon te fuadh dhamh. ’S i luaidh, &c, A Mhòrag bheag na’n cliabhag, Na’n tarlain fein ’s an t sliabh ort, Na’n ait’ laothach diamhair, Gu’n reachain air do c———n, ’S cha b’ aithreach leam ’n ghniomh ud. ’S i luaidh, &c. CRIOCH.