[TD 1-12] [Taobhan-duilleig a dhìth] [TD 13] COIMH-CHRUINNEACHA’ LAOIDHE AGUS CHANTAICIBH SPIORADAIL, LE UGHDAIREAN EAGSAMHAIL. LEABH I. LAOIDH I. I. MOCH sa mhadainn dh’fhas mi sūntach, ’Nuair a dhuisg mi le dea’ cheòl: Air leam gu n faca mi do dhuthaich, Is Criosd thoirt cuiridh dhuinn gu ’bhord. II. ’S ann do Dhia bu choir dhuinn umhlachadh, Oir se dh’ulmhaich dhuinn riamh gach coir; A chuir aon Mhac fein d’ar saoradh, [’S] ann ath-shaoghal ’s gu biodhmaid beo. [TD 14] III. Chuir foill Judas e’n laimh a namhaid, Bha bhilidh dhasan mar an leomh’n; ’S mar mhadraidh alt bha’d a’ casadh beil ris, Gus’n do rēubadh leo fhuil is fheoil. IV. Chuai’ Uan nan gras ris a chrann gu cheusadh; Is chuai’ na speicean roi’ laimh le h ord; Bha dh’a ghruaidh air du’adh deisneach, Is cupan do’n fhion-gheur ra ōl. V. Chinn crith thalmhuinn air fea’ an t shaoghail A ghrian do chaochail is dhubh na neoil; ’S e paigheadh eiric a chinneadh-daonna, Pris bu daoire gu mor no’n t ōr. VI. Thilg an traip ud sleagh na thaobh geal, ’S bha fhuil gu craobhach a’ srutha’ ’nuas; ’S cruaidh am bas a dh’ fhuiling ar Slanaifhear, Mu’n do chaireadh e ann san uaigh. VII. Chuai’ luchd fai’re teann mar gheard air, Leis an dream sin a bha gun chiall, Ach dh’eirich an gaisgeach, is theich na fogaraich Dh’ fhas crith mhor orra, agus fia’. VIII. An treas la dh’a air teachd o’n bhlār ud, Air a bhas gun d’thug e buaidh; ’S chuai’ air deas-laimh ’n ard Riogh a reiteach āite ’S na h ionadaibh ’s airde le failt d’a shluagh. [TD 15] IX. Eisean a’ cheannuich sinn le mhor fhuil, ’S a dh’ fhosgail roi’ inn dorus rēigh; Deanamaid raoghain de’ mar phorsan, Thair gach storas a’ta fuidh’n ghrein. X. Tha maor an ard-riogh mar chloidheamh namhaid, Ann ’s gach aite doll mu’n cuairt; Gach neach nach bāsuich na chriosduidh sābhailt’, ’S truagh a’ charamh ’n taobh thall do’n uaigh. XI. ’S ann latha chuntais a ni sinn dusgadh, O’n Riogh gus an duile slugh’ chuaidh ’san uaigh: Thig mac Deoirnn’ le aingle gle gheal, A ghabhail sgēula thair ceann an t sluaigh. XII. ’Se duil cuid daoin’, ach tha’m ba’rail faoin de’, Gun d’theid iad saor suas an sealla’ Chriosd; Aon leannan peacaidh bha riamh nan aoramh, Biaidh iad nan aodann sann la ud sgriobht’. XIII. ’S lionmhor balbh iad, gun smid o’m beil, Ag ruigh sna frogaibh fui’ sge’ nam beann; Ach cho’n’ eil feum dhoibh ann, casar srein riu, ’S ann lathair mhic De thig iad gun taing. XIV. [S]uighe ’m Britheamh air a chathair rioghail, Gu thoirt dion, do na daoine coir; Ach biaidh na dibireich fada sios uaith, ’N ifrionn gu siorruidh a choich fuí’ leon. [TD 16] XV. ’N tra’ ni e tear’badh, fasaidh fearg air, Ris a bhuidhinn shearbh sinn nach raibh d’a shluagh; Aig mead an cuntais theid an sgiursadh, Chum na fuirneis a tha dol suas. XVI. ’N tra theid an saoghal so suas na chaoiribh, ’S iomad glaodh bhios air an t sliabh; ’Cuir-iomchair bhronach air son an goruich, ’S iad ga’m fogradh fad o Dhia. XVII. Luchd bhreug, is foirneart, ceilg, is bost, Deir le mionnan mor gum bi iad saor; Air a’ laimh chli-san tha am porsan, ’S ann teine mhor nach mu’char choi’ch. XVIII. Trialluidh iad gu priosan daingean, A’theid a sparadh air an sroin; Biaidh ’n cuirp ga’m pianadh le an anail, ’S biaidh an anam a choidhch fui’ leon. XIX. ’S truagh a dhaoine nach creid sibh Criosd, Mar dh’fhag e sgriobht’ an t slighe choir, Chum ’s gu ’m biodhmaid gu suilbhear siorruidh, A seinn clui Israel do Riogh na gloir. XX. O! ’s ait is eibhneach raibh pobull De dhe’, ’S iad ag eiridh fuidh bhrātaich Chriosd; Mar dhealra’ grein’ ann a madainn cheitein, ’S gach neach ur-eideichte ’m flath na sioth. [TD 17] XXI. Biaidh sith is solas a measg an t sloigh ud, Ann an teach comhnuidh ann aros De; Air tulaich mhaiseich le nuadh gach orain, Ameasg na h oigridh is gile glēus. XXII. Tha ghrian a’ co’dach dhuinn mead a mhor’achd, Gur solus mōr i na dhuthaich fein; Ach Join no Paul cha b’urrainn aireamh, Gach aon ni āluin tha’n āros De. XXIII. ’S ann na dhuthaich a tha ann luthchairt, Far am b’fhiu dhuinn dol gu leir: Biaidh sinn mar bhraithrean, le raodha orduidh ann, ’S cha bhi onrachdan ’n tigh mhic De. XXIV. A riogh na cathrach ga’m bheil am beannacha’ Saor thus’ manam is dion fui, d’chuirt; Air sgāth Chriosda glaodh rium sio’-chaint, Seal mu’n criochnuich mi gu h’ ūir. LAOIDH II. I. SEinnamaide chum gloir Dhe, O’n s’e rinn sinn, ’s cha sinn fein; S’e dh’ fhuasgail oirn’ ann sgach cās, [I]s e thug cobhair dhuinn nar feum. [TD 18] II. ’N tra chuir e aon mhac fein anuas, A chur fastaidh oirn’ le gean; Gabhamaid fuidh bhrataich Chriosd, Caiptin na slaint’ gam bhuil ar neart. III. Ann an staid iosail thainig e, Gun ait’ aig ann cuireadh e cheann; Ach luchd na foille ga ruigh gach la, ’S gun chionte dh’a gu chur an laimh. IV. Ann oi’che sin ’n do bhrathadh e, Ghlac e aran na laimh dheis; Thug dhe’ d’a dheiscioblaibh mun cuairt, ’S gu suilbhear dh’iarr e or’ ith. V. Ghlacadh leis an cup a ris, ’S thug ra ol doibh fion gu bailt; Uir-easbhuīdh cho bhi no dí’, Air gach ti a’ leanas air. VI. ’N t shuipeir ud rinn e gu fial, Chum bhi mar chuimhneachan air fein; ’S o linn gu linn gu maireabh i, Cho’ich a measg a mhuintir fein. VII. Aran bhris e mar reubadh fheoil, Ghlac e fion mar dhoirteadh fhuil; Seal mun deachaidh e gu bās, No mun d’ fhuiling air ar son. [TD 19] VIII. Ghlacadh e ’s bu chruaidh an lagh, Mac De, a bhi fuidh am binn; Na h allmharaich choi’each bhreige, Chuir iad corran gēur mu cheann. IX. Thug iad e gu reilic bais, Is thairnicheadh e suas ri crann; Bha iad a’ fanoid air mar Riogh, ’S a charaid idir cha raibh ann, X. Chreithnich an talamh le ua’bhas mor, ’S bha dorchadas snāmh mun ghrein; Rachd na creagan le crith na’m beann, ’S mac De dol gu teann a pēin. XI. Amhluidh cruaidh gu raibh dhoibh, A’ bha ga leanmhuinn ann ’s an tōir; ’Sa liuthad dall is cruipleach truagh, Da’n d’thug e fradharc is treoir. XII. Thilic iad e’n leabuidh thāimh, Fui’ chumhachd a bhais re seal; Ach bhuighinn an Gaisgeach buaidh sa bhlar; ’S dh’eirich e ’n treas la gun smal. XIII. Air madainn di-luain dhuisgeadh e, Do’n chuntas bha ann o shean; ’S thug e dhuinn na dhomhnach ur e, Chum a chlui-san thoirt fainear. [TD 20] XIV. Dh’ iarr is fhuair a mhuintir fein, ’S iad air seach’ran air an t sliabh; ’S thug e beannachadh na measg, ’S thog iad ceol mar bha iad riamh. XV. Da-fhichid la dh’ fhan e leo, Mun deachaidh a chum an ard Riogh; ’S ghlac e’n Tiomna-nuadh air fhuil, Gus an d’thig e oirn’ aris. XVI. Dh’ordaich e shuipeir a roinn, Air gach neach is ionmhuinn leis; Ach gun ghream a thoirt gu bràth, Do dh’aon neach nach aithridh air. XVII. Astar fada ’s fogradh geur, A bhios air gach uile phor, Thig gu dalmara, ’sgu dana, Gun ulmhachadh chum do bhord. XVIII. Thig iad mar an t ainmhi’ truagh, Gun eolas agus gun cheill; Ach thig an la an abrar riu, I’michaibhs a fiadhnuis De. XIX. Olc ata nan croidhe ’n tamh, Ged thriall iad mar sgāile breig; Pillidh iad ’ris air an ais, Mar philleas a mhuc ri clabar fein. [TD 21] XX. ’S beannaicht’ iad na daoine coir, A’leanas Criosd le dea’ chēil; Ulmhaichear iad glan mar or, A’dhionnsuidh suipeir mhic De. XXI. Suidhe iad sios air a bhord, Ithi’ is oluidh iad deth; Oir s’e fein maighistir na feiste, ’S biaidh iad a’ fas aobhinn ait’. XXII. O’s aoibhinn duinne gur e Criosd, A choisgeas air ’n iota thall; Le pailteas bainne agus fione, Gun airgead gun phris da chionn. XXIII. Ata sinn mar choigreich am faslach cruaidh, ’S ann duinn bu bhinne fuaim a bheus; Nan gnathaichemaid e air choir, Gheibheamaid solas gach rē. XXIV. Cuireamaid an trusgan so dhinn, ’S cuireamaid trusgan glan na ait; ’S gheibh sinn oidhreachd bhuan air neamh, Ann an cūirt o Dhia nan grās. XXV. Far am bheil Criosd air a laimh dheis, A’reiteach ar cuis gach la; ’S gheibh sinn tearman uaith is dion, Ann na thigh fein saor gu brath. [TD 22] XXVI. ’N uair thig Criosd oirn’ a flath, Maille ri miltibh aingeal treun; Duisgear na mairbh as gach uaigh, ’S thig na sluaigh a lath’r gu leir. XXVII. Le neart ard an t sholuis ghil, Thig eisean an sin nan ceann; ’S ge do slionmhor ann na sloigh, Bheir gach neach dhiu cuntas ann. XXVIII. ’S aithne dh’asan co iad sin, ’Thainig gu h uaigneach gu bhord; ’S iadsan chuir trusgan bainse suas, Duisgear iad a h uaigh chum gloir. XXIX. Ach ’s mor nach do chuimhnich riamh a’ bhas, No’n tāir a dh’fhuiling e shios; An diaidh ar ceannach co daor, Cho do mheas iad saothair Chriosd. XXX. Daoine beairteach, ’s daoine baoth, Nach do shao’raich riamh gu bhord; Cho do ghabh iad tlachd d’a chuirm, On’ th’ace fein lōn do’n fheoil. XXXI. ’S lionmhor iadsan tha teachd ann, Mionnanach, breugach, lan go; Ach thig an la ann tear’bar iad, Gu tursach chum tigh a bhroin. [TD 23] XXXII. Mar dean iompachadh gu grad, Le aithreachas fallain buan; Is maitheanas iarruidh gach rē, A’ leith mhic De a bhuidhinn buaidh. XXXIII. Biaidh Criosd air thus a mhuinntir fein, A’dol a steach chum aros riogh; ’S cho d’ intrin riamh ann croidhe neach, No bheil do mhaise ’s ann riogh’chd. XXXIV. Oiche cho bhi ann gu brath, Ach ur-ghairdeachas is ceol; Ann an cuirtibh āluin, ārd, ’S dealraich iad gu mor no’n t or. XXXV. O gradhaicheamaid uile Dia, Thair gach ni th’air neamh ’s air lar; Chum ’sgu glaodhadh e faidheoidh, “Seilbhichibh mo riogh’chd gu brāth.” XXXVI. Gabhar gach creidmhich a steach, Raibh sgeudaicht’ le mais is gloir; ’S gach neach bha sean liath le h aois, Biaidh e’n sin gu h aoibheach ōg. XXXVII. Marsin leanamaid air Criosd, Oir ’s caraid sith-shaimh ri’r beo; Biaidh e leinn roi’ dhubhar bāis, ’S bheir e sinn chum slainte mhor. [TD 24] XXXVIII. Ge d’ theid ar cuirp ann san uir, On’ se ’s duthchas dhuinn gu leir; Theid ar’n anama’ dh’ionnsuidh Chriosd, ’S biaidh ro’ phriseil aige fein. XXXIX. Daoin’ tha’n inbh, ’s ann onoir mhor, Biaidh ’n dochas a’n coir gun taing; Ach ged’ gheill dhoibh fearann, is fonn, Cho’n fhuasgail e bonn doibh thāll. XL. ’S e’n duine glic ann suilean daoin’, ’M fear a chuireas an saoghal cruinn; Ach cia saibhir raibh ac’ ōr, Cho ghabhar uath’ bonn de’ nunn. XLI. ’S e Dia a sgeudaich na neamhaidh, ’N domhan uile ’s na bheil ann; ’S leis fein an saoghal mu’n iath’ grian, Gu ma beannucht’ e d’a chionn. LAOIDH III. I. RE h am dhomh dusgadh am shuain, Mhosgail m’ intinn fein suas le ceol; Air leom gu faca mi cūirt, Is solus is luchairt mhor; [TD 25] [’S] gnuis shoileir mhic De, [’S] na h aingle le cheil ann gloir, [M]aille ris an Ard-riogh, [F]ar a maireanach sith is ceol. II. [’S] mor inleachdan De, [A]nn ’s gach creatair a chruthaich e’n tūs; [L]eag e’n talamh mar stē dhoibh, [’S] na speuran an aird mar chuirt: [’S] e sgeudaich am fonn, [L]e toradh ga trom, ’s gu dlu, [D]o bheathaiche gach treud, [M]ar a dh’ ordaich e fein o thūs. III. [L]eis a dh’eiris a ghrian, [’S] a mhadain chiuin cheitein mhaigh; [’S] thig samhra’ na dheidh, [L]e toradh, le teas, ’s le bla’s; [’S]e chuireas fo’mhara ga bhuain, [A] thrusadh a suas a phoir; [’S] ann na laimh san tha’n stiūir, [M]un d’thig geamhra’ no dulluchd oirn’. IV. [E]iridh gealach san oidhch, [N]a fiadhnais ’s na co’dach leis; [Is] cho mhair i ach mios, [’N] uair thig i gu h ur a steach; [’S] e rinn na reulan mun cuairt, [’S] iad mar leagan le snuadh ro ghlan, [T]ilgeil frithleannan diu, [’S] iad mar christal thig ur amach. [TD 26] V. Shilich beathaichean alt leis, Is fiath-bheathaich nam beantaidh mor; ’S gach ean theid air sgiath, Dh’ fhag easan dea’ riaghailt dhoibh; Ghabhail curam da’n āl, ’S da’n togail a cās na h oig, Gus an dean iad dhoibh fein, Dhol a thrusadh am beidh san loin. VI. Rinn e’n duine aris, Le dea’ ghniomhe a lamhan fein; Na oighre ’s na Riogh, Air gach aon ni tha’n tamh fui’n ghrein; ’S ann do dhuslach, ’s do smal, A rinneadh a chnamh’n is fheith’n, Shēid e anail na shrōin, ’S dhuisg e anam suas beo na chrē. VII. Stigh ann garradh nan sēud, ’N sin chuireadh e fein, ’sa bhean, ’S dh’ith iad ubhal le sant, A chinn air a chrann an ro’n cron; Sgaoil an sgeudacha’ nuadh, ’N roibh iomadai’ buaidh, is mais, ’S ghabh iad nāire, ’s iad ruisgt, Is theich iad an cuil gu grad. VIII. ’Ntra’ mhothaich e Dia, Lion eagal is ua’bhas e; ’N uair a thainig guth uaith, “Cionnas thuit u co luath a’d thrail:” [TD 27] “A bhean so thug u dhomh fein, Dh’ fhag i mise fui’ chiont’ a bhais, Le rag mheairleach nan car, Leis nach b’ fheairde neach glan gu brath.” IX. Sliochd Chain thainig uaith, Sliochd malaichte cruaidh a mhic; Cha do phill iad ri Dia, Gus am b’eiginn an saoghal a sgrios; Chuir e mach an tuil mhor, ’S chuaidh am bathadh fui’ air fad, Ach Noah, ’sa chlann, ’S gach creatair san Airc bha leis. X. Thainig Abraham aris, [O] Noah, ’s thugh buaidh air chāch; [C]eann nan creidmhich gu leir, [A]nn an aros De an tāmh; [G]e be leanas a cheum, [A]nn an achlais Mhic De, gheibh bla’s, [T]iorm’chidh na deoir o a shuil, [’S] bidh e seinn da ceol ur gu brath. XI. [B]u mhac da Isaac nam buadh, [A]gus Jacob bha cruaidh sa chath, [A]’ chomhnaich san Eipht’, [A]ig Joseph bha treun a Mhac, [E]lijah is Maois, [’S] na bha riamh ann do naoimh air fad, [G]e d’ bu mhaith iad ’s ann ruaig, [’S]e Criosd a thug buaidh amach. [TD 28] XII. Thug e buaidh le dea’ choir, Ged’ bha e ga fhogradh geur; ’S iomad bachdach is dall, Fhuair am fradharc ’s luth ’m ball ri m feum Fhir a bheannachaidh mhoir, O’m fuighte gach coir am feist! San a ghlacadh le foill u ’N lamhan do naimhde treun. XIII. Pog Judas do Chriosd, Bi phog shearbh nach bu mhilis uaith; Si chuir easan ann sās, Ann lamhan nan Iudhach cruaidh; Cha b’ann dhasan a b’ fhearr, Ge d’ bhrath e an Slanai fhear suas, Tha e ’n ifrionn shios, Measg aibhearsoir gu siorruidh buan. XIV. Chuir iad Josa gu bās, ’S mar thair chuir da mheairleach leis; ’S parr iad e’ n sin ri crann, ’S fhuil chraobhach ga fasgadh as; Chuaidh adhlac san uaigh, Thug an gaisgeach grad bhuaidh, ’s cho d’fh[an;] ’S do cheart aindeōin na graisg, Bidh an saoghal gu brath fui’ smachd. XV. ’S aithne dhasan gu leir, Luchd deilbh agus deanaidh an uilc; ’S iadsan luigheas mar bhruid, ’S a dhuisgeas gun iomra’ air, [TD 29] ’S luchd ailis nam breug, ’S gan cur uathe fein am fad; Bidh am piansan sior bhuan, Mar iompaich gu luāth o’n staid. XVI. Ged thigeadh faidhean anuas, Le nuadhachd gus an t sluagh an tra’s; ’S gann a chreidimh iad uath, Gach uile ni buadhach gu h ard, Ach ge be leanas air Chriosd, ’S roibh gu firinneach, dilis da; Faidheoidh chi e le shuil, Ro fheothas na cuirt, ’s mar tha. XVII. Luighidh na creidmhich le sith, ’S iad gan liubhairt aig stol a’ chas; Theid iad chodal gu leir, Ann an achlais Dhe nam feart; Bidh na h aingle mun cuairt, Mar gheard nach leig buaireadh a’steach; As leith fulangais an Uain, Logh mo pheacaidh mun caochail mi seach. LAOIDH IV. I. SA mhadain ri h am dusgadh dhamh, Bu shuntach mi le ciall, A’ smuainteacha’ air aros, Is mor bhaideil ard ar Dia; [TD 30] Far am b’ eibhinn uile dhuinn, Le cheile ann bhi triall, A’ seinn ciuil gu solasach, Toirt cliu is gloir do Dhia. II. ’S ann an sin a b’ eibhinn dhuinn, Bhi ’g eiridh leis an Triath, Seach lubadh leis an t saoghal so, ’S e caochlaideach mar shian; Ge b’ fhada beo Methuselah, B’ fheudar dhasan triall, ’S cha chum buar no storas, Aon neach beo do’n rugadh riamh. III. ’S iomad gaisgeach treun-mhaiseach, Tha ruigh le mheamnadh fein, Gun smuainteacha’ gu la a chrioch, Gun d’ thig am bas na bhēul; Ged bu laidir Samson, Gun leithid bhi riamh fui’n ghrein, Do’n bhas a rinn e umhlachadh, Is siubhlaidh sinn gu leir. IV. Goliah-gath an dragon sin, Bu treun easan, ’s bu mhor, E bagairt air clainn Israel, Ga’n cumail sios le bost; Ach an spiag bheag bh’aig Daibhidh, Le laimh an De ’ta beo, Bhuail e sud san aodan air, Is thuit an laoch gun deo. [TD 31] V. An t iompair bha air Babilon, Gu laidir ga chur suas, Do dh’ iomhaidh bhreige gheill easan, [Is] threig e Dia nan sluagh; Fhuair iad ordadh pillidh, “Ach a dh ain-deoin bhiodh e suas,” Thainig crith le cabhaig orra, [’S] thuit am baile nuas. VI. [A]n cual u mu-chlainn Israel, Nuair bha iad shios sann Eipht’, Gam feuchain, is gan sāruch’, Aig Riogh Pharaoh le mor phein; Thug Maois a’ steach don fhaslach iad, [R]oi’ n fhairge ruaigh gu leir, Ach cha b’ easan rinn an tabhachd ud, Ach inleachd laidir Dhe. VII. Am baile sin Jerusalem, Air ’n do chuireadh seisteadh cruaidh, [G]a aiteach leis na h Judheanaich, [’S] gu dubailt ga chur suas; Chuaidh cloidheamh geur a dheas’cha’dhoibh, [L]an dioghealtais o Dhia; [Is] tha i’ nois no carnaibh, Mar nach biodh int’ aiteach riamh. VIII. [A]n geocach saibhir uasal sin, [D]o rinn e uaill a stor; [’S] an duine bochd sin Lasarus, [N]ach d’ fhuiling riamh ga choir; [TD 32] Ach ’n uair chaochail iad o’n t shaoghals’, Thugadh Lasarus gu gloir; ’S am fear beartach thaisgidh e, Am priosan truagh a bhroin. IX. Nach b’e Job an duine beannaichte, Le foighidinn ’s le ciall? Chaill e ni ’sa dhaoine, Lan chneadh, is chreuchd, is pian; Ach a dh’ ain deoin lion an Aibhearsoir, Cha do threig e eidir Dia, Is thug e clann is storas dh’a, Cho mor ’sa bh’aige riamh. X. Thilg iad am fāidh Daniel, An garadh cruaidh nan leo’n, ’S cha roibh tuilidh dail aig’, Ach iad dh’ ith an sāth d’a fheoil; Thug e smachd a sios orr’, Agus striochd iad dh’a gu mor’; Ghabh na beistin ua’bhas roi’, ’S thug Dia e uathe beo. XI. ’Ntra chunnaig Dia an saoghal so, Sior fhas na adhbhar truais, ’S nach creidimh iad na fāi’ean, ’S ann a b fhearr leo teicheadh uath; Chuir e aon Mhac Josa, Chum siothchai’ oirnn’ anuas, Ach chuir droch dhaoin gu bas e, Le āilleas mor an t sluaigh. [TD 33] XII. [’N]uair thainig Jos’ air, thalamh, [Sh]oilsich leis an Cruinne-cē; [A]ch cha chreidimh a ghraisg ud e, [A]ch an tōir gach la na dheidh; [G]un chionta sam bi dhasan, [C]huaidh chur ri crann ga chēus’, [D]h’ ua’bhasaich an saoghals’, [’N]uair a chaochail Criosd Mac Dhe. XIII. [G]ed sgaoil iad an fhuil phriosail ud, [’S] ged thio’laic iad an t Uan, [D]h’ain-deoin an droch inleachdan, [D]h’ eirich e o’n uaigh; [’S] tha e’ nois air ardachadh, [O]s cionn gach uile shluaigh; [’S] nearachd bhios ag eiridh leis, [’N] la thig e fein anuas. XIV. [H] uile saoi, ’s na h ostail ud, Dh’ fhag Criosd na dheidh, [A]g searmonacha an fhocail dhoibh, [S]aor fea’ gach riogh’chd ga leu’dh; Chuaidh umpa lion an glacaidh, ’S chuaidh ’n cur gu bas gu leir, Ach dh’ fhosgail iad an suilean, Ann an cuirtibh āluinn De. XV. [B]idh seidh nam beantaidh, ’s aonach orr’, ’S ann t shamhradh thioram chruaidh, A’ direadh ris na gleantaichean, ’S a ruigh air uisge fuar; [TD 34] Mar-sin tha anam an fhirein, ’S iot air an geall air Dia; Gus an togar leis gu sabhailt e, Fui’ dhubhar ’s fui’ sgāil a sgiath. XVI. ’S nearachd iad a thogar leis, No dh’ eideas e fuidh dhion, Is a ni dhe’ roghain, Is a leanas e gu chrioch; Theid ainmeana na muintir sin, A sgriobha ’n leabhar Chriosd, Is glao’ar iad chum slainte, Ge do sgriosar cach uaith’ sios. XVII. An neach ga miann an saogal so, ’S a chorp bhi daonan lan; Saothair air son anama, ’S ann is anabhar gun chion-fāth; Ach ’nuair thig la a bhreitha’nais, Theid easan seach a lamh, ’S a choich cho ’n fhaicear sgriobht’ e Ann an leabhar Chriosd le cāch. XVIII. Daoine truaghe, diamhain, Le miann a bhreid, ’s a bhreug, Is iomad spiorad trailoil, Mar tha dh’ fhailinn as ar deidh; Ged shaoil u reir an ’g raitinis, Gur iad is fearr fuidh’n ghrein, Ach a’ dol roi’ ghleann a bhais dhoibh, Cho bhi leo sar Mhac De. [TD 35] XIX. [Sm]uaintichibh air an Aibhearsoir, [G]ed’ tha e air slabhruidh chruaidh, [Gu] bheil aig comas alsuidh, [’S] cead teandaidh, ’s dol mun cuairt; [Ac]h nuair thig la a chuntais, [Tr]usar e, sa shluagh, [?]glaisear sios am priosan iad, [’S] gu siorruidh cho d’ thig uaith? LAOIDH V. I. MOCH air mhadainn, ’s mi ’g eiridh, La fēil chum fēist Chriosd, [D]hol a dh’ fhaicsin nan ceudan, [Ti]gh’n a steach chum a theubaill; [’S] gach neach nach bi na eideadh, [’S] gun ur-ghleas air an croidh; [Th]ig an la theid am fogradh, [?]i’ do bhordsa fad shios. II. [’S] og a thainig e’n tūs oirnn’, [’S] e dh ulmhaich dhuinn coir; [Ch]uir e eideadh a chinneadh dhaonn air, [Ai]g a mhead sa thug e ghaol duinn; [’N] tra’ bha sinn uile fuidh dhaorsa, [’S] ann leis a shaoradh sinn beo; [O!] ’s e dh’ fhuiling a chruadail, [Gu]s an d’ fhuasgail ar coir. [TD 36 III. ’S mor an sgeula ri inseadh, Mar thainig Criosd ann san fheoil; Ann staid iriosal, iosal, Aon Mhac an Ard-riogh sin; Thug e fhuil suas mar iobairt, ’S chuaidh a thiolac gun deo; Ach dh’ eirich gaisgeach nam buadh, Is tha e shuas ’nois ann gloir. IV. Fuidh smachdsan tha’n saoghal, ’S ann d’a dh’ adhras na sluaigh; Na chuirt ghreadhnaich si gle-gheal, Ge b’e leanas a cheumsan, Ri caslach an t sleibhe, Gu aros De’ s gu theach mor; Theid an croidheachan a ghleusadh, Le cheil ann sheinn ceoil. V. ’S e caraid nam firein, ’S ann leis a dh’eiris na sluaigh; Ach tha ghairdein ro’ laidir, Re luchd muirt, agus meairle; ’S mar an iompaich iad trathail, Grad smalar iad uaith, Leis a chiosnaicheadh an t Aibhearsoir, Ann am priosan teann cruaidh. VI. Tha mhuinealsan an sās, Ann slabhruidh laidir ’s ann ceup teann Ach tha’ aire gu leir, Air mac an duine chum reubaidh; [TD 37] Dh’ fheach an urainn e theumadh, [G]u chur fein sios ann cāll; [O]! Fairibh gu dileas, [Is] cumadh stri ris gun taing. VII. [O!] Fairibh an geard so, [D]hol roi ’n fhaslach bheag ghearr; [Ga]ch leannan peacaidh tha’n deidh oirbh, [Bi]odh gu minig gan cēusadh; [Is] deanadh uile ’n sior threigsin, [Mu]n lean iad fein ruibh gu bas; [Na] mu ’m fuigh an leoghan beucach, [Oir]bh greim fuidh a smāig. VIII. [Tha] an leoghan ud uathmhor, [’S] coitheach gruamach a shūil; [Ach] tha e milis ro’ bhoidheach, [Ri] luchd misg, agus poite; [’S ri] luchd uilc agus do’bheairt, [’Se]’s barant dochais d’ ān cūl; [Is e] ga mealladh gu h uaigneach, [Gus] am fuadaich e’n criu. IX. [’S an]n an latha na mordhachd, [Do] Dhia chomhdaichear cliu; [’N u]air bhios na creidmhich ag eiridh, [Iad m]ar mhaise na Peacaig; [Le sa]ill ro reamhar re, [Is iad] mar reull ghlan gun smur; [Fiadh] ghair air an eudan, [Soill]eir gle-ghlan an sūil. [TD 38] X. Na leanbain bheag, ’s a chlann og so, Gheibh uainn ordadh gu bas; Biaidh an iomraic lan ābhachd, Mar pill peacaidh am parant; Theid an anamaibh le’r Slanai’-fhear, Mar choluman geal ban; Ghabhas iteach gu h ea-trom, ’S fui’ bhlā’s a sge’ ni iad tamh. XI. ’N sin ni’d comhnuidh gu sabhailt, Ann am palluin le Criosd; Ann am flath, solach, aoibhneach, Iad a’ gluasad na dheidh-san; ’S iad uil’ air an ur eideadh, Le rogha ceill, ’s le mor shith; Cho’n aithnichear lobragan deirc ann, Seach ailleagan Riogh XII. Na bothain chriath tha mar cheids’ oirn, Theid gun fheum ann san uaigh; Ann an codal mor, conard, Gabhaidh iadsan ann comhnuidh; Gus an d’thig an ath-ordadh, ’S an duisgear iad suas; Thig an anamaibh nan co’ail, Is nithear posadh gu luath. XIII. ’Nuair a sheinnear an trompaid, Na mairbh duisgidh o’n uaigh; Na thuit ann glacaibh, ’s ann carnaibh Ann meadhan cuain, ’s am beantaibh [arda;] [TD 39] Thig iad uil’ ann a lathair, Thig ann Adhamh, ’s na thainig uaith; ’S gabhaidh Josa dhiu cuntas, Ge do ’s du’ail na sluaigh. XIV. ’S garbh a chrith thig air an t saoghal, ’Nuair a ghlaodhar a’ chuirt; Bidh na beanntaidh, ’s na sleibhtidh, Sruthadh ’nuas, mar theine ceire; Is bidh an cuan a’ sior bheucaich, Na lasair theine ’s na smuid; ’S e sin bheir an t uath-bhas, Do neach nach d’ ghluais ann dea’ chliu. XV. Thig Criosd ann ar coinneadh, Le lan sholus is dea’ rūn; Bidh a mhuintir-san aoibhinn, ’Se gam failteachadh le cheile; Ag taruing suas air a dheas-laimh, ’Se gan eideadh ann culaidh bhāin; Mar shneachd og air an doire, Bidh iad soilleir a measg chāich. XVI. ’N uair a nithear leis tearbadh, Dubhaidh, ’s deargaichidh cach; Iad a’ cuimhneach an gorraich, ’N gaol a thug do’n spiorad fheolmhor; Gu b’ e ’n saoghal bu doch’ leo, ’S nach b’ e eolas air Dia tra’; Sgriosar sios iad chum teine mhilteach, ’S an anam ’nios cho d’ thig gu brath. [TD 40] XVII. ’N tra’ theid gach cuis mar is coir, ’Sa chuirear seol air gach treud; Theid cuideachd Chriosd ann an ordadh, Steach air geata na trocair; Ach trialaidh cach gu du-bhronach, Da’n aite comhnuidh truagh fein; Marsin criochnaichear gach ni, Is glaodhar siochaint na dheidh. LAOIDH VI. I. AIR dhamh bhi siubhal na friothe, Ann am dhibreachan borb; A’ triall tuisleach roi ’n fhaslachs’, A dh’ fhas ānrach, ro dhorch; Chinn an rathad ro chaol leom, ’S e tachairt daonnan rium doirbh; Ach dh’ fhosgail Criosda mo shuilean, ’S thug e ’n ti ūl dhamh gu folbh. II. Tha am peacadh, ’s an saoghal, Gar cumail daonnan ro dhall; ’Se gar mealladh le durachd, Chum ar dublachadh ann; Ach ge b’ e philleas le cruadail, Bheir e buaidh air gun taing; Gheibh e co’nadh o Chriosda, Agus sith mhor na ām. [TD 41] III. Ge boidheach tighin an t saoghail, ’S tric e caochladh, ’s doll u ainn; Ach ’s ann tha ’n t aighear, ’s an t ābhachd, Air an taobh thall don uaigh; Far am bheil ar ’n ard Riogh-ne, Agus Criosd a thug buaigh; Co’choman milis le cheil ac, ’S ann dhuinn a b’ eibhinn bhi shuas. IV. B’e sud an sgeul eibhinn, Bhi ’g eiridh leo shuas; Seach bhi ruigh leis an t shaoghals’, Tha gu caochladhach cruaigh; An neach a gheibh lamh air, ’S ann is aill leis gur buan; Ach O! Amadain ghoraich, Cha ’n eil do lon de’ ach cuairt. V. Ge b’e leanas air Criosda, Os gach ni tha fui’n ghrein; A’ doll roi’ dhu’ar a bhais, Cho bhi sgāth air roi’n eug; Thig na h ainglibh le gradh dha, Ann culaidh bhain, ’s ann dea’ eideadh; Ann na cho’ail le siothchaint, ’S theid anam priosail leo fein. VI. Theid e’n sin chum an t soluis, Measg a chomuin tha’ig Dia; Tha gach neach ann a’ dealradh, N’ as āille no ghrian; [TD 42] Ach thug Criosd uile bar orr’, ’S e gan gradhuch le ciall; Chon’ urr amharc suil fheola, Air a’ mhor’achd le sgiamh. VII. Ge b’e sheasas le cruadail, ’N aghaidh buaraidh, ’s droch gniomh; ’S a bhios inntin daonan, Air an taobh a tha Dia; ’N uair a ghlaodhar chum cuirt e, Chi a shuil gach uile mhiann; Their Criosd gu h ionmhuinn, le gradh dh[a,] “B’e so mo bhrāthairse riamh.” VIII. Cho’n eil ’s ann duin’ ach an sgāil, ’N uair dh’ fhagas anam e suas; ’N sin grad-thuitidh an ceidse, ’Si ’s ceile dha ’n uaigh; Theid na thosd chum an dū’chais, ’S theid na smuraich, ’s na luath; Ach ’n uair thig latha chuntais, ’S ur a dhuisgeas e suas. IX. ’S e air thus chuir am bas so, Riamh mar thāir as ar deidh; Gu d’ thainig a meairleach, Char e Adhamh agus Eubh; An tra’ bha e fui’ chradh, Gun d’rinn Dia iad dha fein; Ach tha’ nois ann na chruban, ’N ifrionn tursach fui’ phein. [TD 43] X. ’N uair a chunaig Dia gaolach, ’N cinneadh daonn’ gu bi cāilt; Dhealbh e inleachd an t solais, Mac na h oigh Muir’ air bāll; Chum ’s gu biaidhmid saoirte, Bha sinn daor dha san am; Bu ro-lionmhor a naimhdean, ’S cha roibh chairdean ach gann. XI. Bha ghift ud ’n achlais Dhe shiodhruidh, ’N tus a laithean gu h og; Ge d’ chuir se e shaoradh, Chinneadh daonn’ ann san fheoil; Chuaidh a ghlacadh gu peineil, Le geur leanmhuinn, is toir; Ach d’ fhuasgail eisean le iobairt, Do na miltin bhi beō. XII. Chum na croise chuaidh ghiulan, Is a sparradh ri crann; Chuaidh cupan searbh thoirt ri ol da, Is crogan sgithich mu cheann; Chrithich an talamh, ’s na speuran, Chuaidh feirg Dhe os an ceann; ’S ghlaodh Uan na siothshaimh ’s na [reite,] “Do thoilse Dhe gu raibh ann.” XIII. Cuimhnichmid uile, Mhead sa dh’ fhuiling duinn Criosd; Ann sa bhas ghabh e cuairt, Is as an uaigh thainig rīs; [TD 44] Le fhuil phriosail nam buagh, Leis an d’ fhuasgail e sinn; Leis a smachdaichd na leoghain, ’S na bha ’n tòir air gach linn. XIV. Ge do rinn e ar saoradh, No saoil gun gabh e ri traill; Bha ri mionnan, ’s ri breugan, Is ri ea-coir gach la; Ruigh le miannaibh an t saoghail, ’S a cur Dia daonnan air dail; Tuitidh eisean mar chrionaich, ’S cho d theid le Criosda gu brath. XV. Faic an rathad is caoile, Imich daonnan air, ’s gluais; ’S bi gu furachair, gleusta, Nach sgrios do cheum uait; ’S a dhain-deoin lionan droch dhaoine, ’S buaireadh an t saoghail mun-cuairt; Lean thus’ an ceum direach, ’S glacaidh Criosd do lamh uait. XVI. [“A]ch se ’n rathad is lēath’-ne, [Ni] mi ghabhail an trā’s; [Ch]um ’s gun trusainn an sāoghal, [N]a dh’ fhaodas dhe’m laimh; [T]ha gach uasal, is iosal, [’N] tòir, ’s ann ti air gach la; [I]s com nach bithinnse ’n deidh air, Chum ’s gun ēighte mi ard.” [TD 45] XVII. [’S] e sin fath na cuiriomachair, [’N] uair a thilgear u ’n sās; [Li]uthad earail thug Criosd ort, [’S] gun do dhibir u iad; [Bi]dh do chogais gu d’ dhiteadh, [G]un do dhuilt u ri slainte; [’N] tra’ chi u ionad na do’ruinn, [Gu] dol chomhnuidh gu brath int. XVIII. [Gu]idhidhmid uile gu dileas, [Di]a sgrios ifrionn gu leir; [O] na s’e an t ard bhuachail, [Gu]n bhi ann ach aon treud; [Ch]um ’s gu biodh mid uil’ eibhinn, [An]n an armailt na neamhaidh; [Gu] siorruidh le solas, [To]irt gloir do Mhac Dhe. LAOIDH VII. I. Iomad fāidh sona, ’S fear beannuicht’ bha’n riamh; [Bha] leubhadh an fhocail, [Nan] teachdair o Dhia; [Ach] cho do phill iad an cinneadh, [Ach] a’ ruigh le’n droch mhiann; [Gu]s ’n do cheannuicheadh leo iobairt, [’Si] Criosda Mac Dhia. [TD 46] II. ’S og a thainig na leanabh, Chuaidh tōir air, is deidh; Chuaidh a mhathair na deanadh, Gu fhalach do’n Eipht’; Loisg Herod gach leanabh, Dh’ fheuch an cosgairt Mac De; ’S do cheart ain-deoin na graisge, Rinn e ’m fagail gu leir. III. Bha na h Judhaich an toir air, ’S e maiseach, mor, le dea’ cheill; Chuir foill Judas e’n sas, Ann nan lamhaibh ’s nan lion; Ard leigh mor na cruinne, ’S ceann eaglais gach riogh’chd; Chuaidh gu reilic a bhais leo, ’S cruaidh an lagh dh’ fhag e shios. IV. ’S garbh a chreathnuich an talamh, Chuaidh dallamh mun ghrein; ’N deidh a sparradh ri nimh-chrann, Le bir-thairngean geur; Bha fhuil chraobhach a’ sileadh, As na lotaibh le mead; Ach bha eisean lan-toilicht’, Nam biodhmaide da reir. V. O! leanadh le cruadail, Am fear thug buaidh air a bhas; ’S a dh’ eirich gun smuairein, O’n uaigh an treas la; [TD 47] [’S] a dh’ fhosgail na dorsan, [Bh]’ air na geataibh is aird; [G]’e be leanas a chēumsan, [Bi]dh s’e eibhinn gu brath. VI. [’S] fior eibhinn ri innseadh, [’N] sgeul cinteach se mor; [G]u d’ thainig oirn’ Criosd, [A]nn staid iosail ’s ann fheoil; [L]e soils’ gus na fireain, [C]hum an anam bhi beo; [’S] gan trusadh le cheile, [’N] lathair Dhe, ’s gu theach mor. VII. ’N uair thig e’ ris, le lan sholus, [C]innidh dalladh air cāch; [Ia]d ag cuimhneach’ an gorraich, ’S nach b’e eolas air trāth; Cho’n amhairc iad na aodann, Cho’n fhaod iad le nāir’; Oir b’ annsa leo ’n saoghal, ’S bha eisean daonnan air dail. VIII. An sin gabhaid h’e cuntas, ’N tra’ dhuisgear na sluaigh; ’S theid leabhar na cuimhne, Dhoibh fhosgladh asuas; Bidh gach neach dhiu ga leu’ adh ann, ’S iad ag eughach gu cruaidh; An cron sgriobht’ ann nan aodann, ’S iad sior chaochladh droch shnuagh. [TD 48] IX. ’S ge do roibh air siothchaimh, Measg fhior mhuintir fein; Bidh fearg air ri cach, Is theid an tearbadh gu leir; Theid an sgriosadh a sios uaith, Chum teine mhilteach, nach treig; Gan leadairt, ’s gan crādh, Leis a chnuidh nach basuich am feast. X. Cho d’ thig eisean an t amadan, Dha ’m fagusg no’n dlu’s; Le mhisg, is le mhionnan, ’S nach b’ fhearr e no bruid; Mar d’ iompuich mun d’ eug e, Le treimhdhir ’s le caoidh; Cho sealbhuich e slainte, Gu brath ann na chuirt. XI. Luchd meallaidh, ’s cul-chainidh, Le’m bu mheannach mar bheus; Nach d’ fhiar riamh do fhlaitheas, Ann rathad Mhic De; Theid srian riu gu h inich, ’S theid an iomain gu leir; ’N tra’ ghabhar dhiu cuntas, Theid an sgiursadh chum pein. XII. Ach O! pilleadh o’r peacaidh, Agus glacadh a choir; Is leanaibh an Caiptin, Thug buaidh air ni mor; [TD 49] [Na] geilleadh do dh’ iomhaidh, [’S] no striochda’ ni ’s mō; [A]ch leanadh air Criosd, [Oi]r ’s craobh shiothchaimh e’n gloir. XIII. [Ge] d’ gheibhin fein deise, [Do] shide, ’s do shrol; [Ai]r a geiltreadh gu finealt, [Le] lastuichin oir; [Sa]oghal fad, agus riogh’chdan, [A]gus striochdadh gach sloigh; [’S] mor a b’ fhearr leom bhi ’g eiridh, [Le] Criosd, is dea’ chōir. XIV. [B’]e sin an sgeul eibhinn, [Bh]i ’g eiridh le Criosd; [An]n an cuirt shoileir fhlaitheas, [Fa]r a mairthean an t sith; [An]n deiseachan āluin, [Le] slainte gun chrioch [O] ghloir gu gloir eibhinn, [Le] cheil ann gu sior. LAOIDH VIII. I. THA smuairein mor air m’ inntin, A’ cuimhneach gach ni mar tha; [Ma]r tha clanna daoine, [Co] fhaoin mu obair nan grās; [TD 50] Ge mor leis na Righridh, An riomhadh, ’s an stor gach la, Fuidh chis tha iad do Chriosda, ’S gu cinteach cho d’ theid o’n bhās. II. ’N cual u riamh am blar sin, No namhaid a’ cur cath cruaidh; Nach faigte duine beo ann, Ge fheo’s gan reachadh an ruaig: Ach tha lamh Mhic De, Tigh’n le gheur chloidheamh, oirn’ anua[s;] ’Bualadh ann ’s gach aite, ’S gu brath cho d’ theid aon neach uaith. III. ’S e Dia a rinn an saoghal, Na daoine uile, ’s na sluaigh; Ach o na pheacaich Adhamh, Tha ’m bas dhuinn’ mar leannan buan; Tha sinn fein ga dhubladh, ’S cho duraichd sinn togail uaith; Gus an gabh sinn comhnuidh, Le ordadh-san greis san uaigh. IV. An neach is āill tha ’s t saoghal, Le caol mhala, ’s i gun ghruaim; Suil mhaiseach na aodan, ’S mar chaoran tha a dha ghruaidh: Ge d’ roibh chneas mar fhaoghluin, Roibh daonnan a’ snamh a chuain; Glaisir ann san uir e, ’S ri h ūin theid na dhus, ’s na luath. [TD 51] V. [Th]eid an tuigseach, ’s an t umaidh, [Na]n smuraich air fea’ a cheil; [A]ch ’n uair thig la a chuntais, [Du]isgear gach neach air leth: [G]e d’ roibh iad air seargadh, [Na]n camhlach, mar ni gun fheum; [’N] roin is caoil nan ceann-san, [Ai]r chāll cho’n fhan shios nan deidh. VI. [D]uisgidh ’m firean coir, [An]n dea’ dhochas mar chuaidh e sios; [Th]ig anam na cho’ail. [Ch]um comhnuidh don cheidse ris; [Air] ball nithear leo posadh, [Le] solas mar sin gu sior; [Is t]heid e suas gu aireamh, [Gu] brath ameasg muintir Chriosd. VII. [Bid]h ’m peacach, doirbh do dhusgaidh, [Ma]r lundaire shios san uaigh; [Th]ig an t anam bronach, [Na] cho’ail le sgeula truagh; [Bid]h cath cruaidh, is comhrag, [Mu]m fograr e sios don truaill, “Thoill thusa dhamh priosan, ’S gu siorruidh bidh e dhuit buan.” VIII. [Bid]h e fui’ lan eislein, [’N] uair theid e ri nochdadh suas; [Dh]ol thoirt seachad cuntas, [’S] na dhublaich e iomad uair; [TD 52] Liubhrar e do’n Aibhearsoir, ’S e prionnsa nan daoine truagh; Gu phianadh, ’s gu leonadh, ’S e beo eidear teas is fuachd. IX. ’S mor tha fea’ an fhaslaich, ’S beag aird tha ac air lagh Chriosd; Ge d’ thug Dia anam saor dhoibh, Chum fhaotainn air ais aris; Their iad gu bheil gaol da, Ach an saoghal s’e ’s pailt nan croidh; ’S annsa leo an gorraich, No seol bhi ac air an crioch. X. ’N uair thig Criosda gaolach, Le grea’nachas ’measg an t sloigh; Faraididh e, “Co thaobh mi, Do’n shaor mise le’m fhuil mhor;” Bidh cabhag chruaidh air daoine, ’N tra’ ghlaodh’r amach cnoc a mhoid; Gabhaidh iadsan nāire, ’S gu brāth cho d’ thig neach da choir. XI. Bidh na creidmhich gu h eibhinn, Ag eiridh fui’ bhrataich uir; A steach ann na aros, Gam failteachadh le dea’ run; Le’n deiseachan aluin, Is dealraich no reull an iuil; ’Tarruing suas an ordadh, Seinn orain do Dhia nan dul. [TD 53] XII. Cho b’eagal am bas, Nam biodh ’n Slanai-fhear air ar cul; Gheibhimid uaith faoilte, ’N uair chaochladh sealladh na sūl; Oir cho’n eil ’s ann t saoghals’, Ach faoineis nach mair ach ūin; Ach beartas Mhic De mhoir, Gu siorruidh cho teirig sud. XIII. Tha ’m fasan ud ro lionmhor, Gradh spididh iad fear do chach; Damnar e le mi-cheill, ’S do dh’ ifrionn cuiridh gun dail; ’S ua’-mhara do Chriosdui’n, Bhi co dileas ri seirbheis d’a; ’S gur e mhiann an saoghal, ’S na daoin’ uile sgrios a laimh. XIV. O! pilleadh ri Mac De, Oir s’e ’n stē nach teirig gu brath; Carruig chruaidh nach aom, Ge d’ roibh ’n saoghal dol sios na smal; Bhios gu seisbeach dileas, Do gach aon neach a bhuineas da; ’S ge d’ sgriosar gach ni leis, Gu siorruidh bidh mhuintir slan. [TD 54] LAOIDH IX. I. A’ Riogh dh’orduich a mart duinn, Cha roibh failinn annad riamh; Ach tha peacaidh-ne dhaoine, Sior chaochladh nan sian; Air dalladh nan speuran, Nach leir dhuinn a ghrian; ’S tha gaoth tuath agus gaillean, A’ bagradh oirnn’ dian. II. A’ bagradh cur sios oirnn’, Le ro mhiad ar gorraich; Ar ’n uaislean, ’s ar ’n ioslan Nach striochd sinn do d’ ordadh; Ach a thi th’ ann sa chathair, Ann ’s na flaitheasa mor’a; Dean thus oirnne amharc, ’S pill le d’ mhaitheas nar co’ail. III. O amhairc’ le sithshaimh, Air na criosdui’n le cheile! ’S na leig gainne an arain, ’Measg do phobuil bhochd fein; Ge d’ tha iadsan cho mollaichd, ’S nach lean iad do cheumsa; ’S ann a d’ laimhse tha ’n stiuir, ’S a Dhia ghaolaich na treig sinn. [TD 55] IV. [Th]a ghairdein ro laidir, [’S] ro neartmhor am buaidh; [L]eis a chinneas am pailteas, [G]un ghainne gun chruas: [A]n lamh a chuireas, ’s a sgaoileas, [’S] a chuiris dea’ la gu bhuain; [’S] ann leis a bheathaichear na Rioghridh; [’S] na dilleachdain thruagh. V. [G]e mor leis na Rioghridh, [A]m frideam, ’s an comhdach; [C]o ’s urrainn an ciosnach’, [L]e ’n innleachdan mora; [A]ch na ’n caruicheadh a lamhs’ orra, [A]n gainne, nan dolum; [’S] iad bhi bliaghna gun aran, [C]ho b’ fhada ’n sin beo iad. VI. ’N uair bha Criosd ann ’s an fhaslach, Thainig a meairleach gu theumadh; “Dean do na clochan so aran, Mas tusa Mac De mhoir;” “Imich roi’ead a Shatuin, Agus fag ’m fhia’nuis fein; Oir a eagmhuis an arain, Cho bheathaichear mo threudsa.” VII. Nach b’ e’n cealgoir ro dhan e, ’N uair a thainig gu bhuairedh? Ge d’ bha eisean roimhe, Na aingeal ro uaibhreach; [TD 56] Thug an t ardan, ’s an spors’ air, Bhi ’g iarruidh lamh ’n uachdar; Sgrios Dia dh’ ifrionn sios e, ’S tha na dhibreachan truagh ann. VIII. Tha slabhruidh chruaidh, dhaingean, Ga chumail am pein ann; Ach tha innleachdan fada, Dh’ fheuch co dh’ fheudas e theumadh; Luchd misg, agus meairle, Carachd, amhailtean, ’s breugan; ’N uair a chruinneachar an criu so, Theid an sgiurseadh gu leir leis. IX. Tha teine mhor mhilteach, Teachd anois as a chomhnuidh; Tha sgreadail, is glaodhaich, Tha caonnag, is bron ann; ’S e Caiptain droch dhaoine, Gu’m fao’lum gu do-bheairt: Chuireadh crith air dea’ chriosduidh, Bhi ’g innseadh gach sgeoil air. X. Tha smuairein air ’m intinn, Ag smuainteach air ua’bhas; ’S mo bhraithrean caomh, criosduidh, ’Dol dim air gach gualainn; Leis mar ghlachd iad an saoghal, ’S gu saoil iad gur buan e; ’S mo thug iad do speis dh’a, No Mhac De rinn am fuasgladh. [TD 57] XI. [Cu]ireadh cath ’n aghaidh ar peacaidh, [A]gus srian ri ar ’n ardan; [An] t eagal gun glachdar, [Si]bh an eangaich ar namhad: [’S] moch a rinneadh ar baisteadh, [A]nn an achlais ar Slanai-fhear; [L]eanadh sibhse cheum direach, [’S] da thrid bidh sibh sabhailt. XII. [Th]a tobar an tigh Dhaibhidh, [Le]is an slan’chear ni miltidh; [Ui]sg ioclaint na beatha, [Le]is an coisgear ar ’n iota; [Le] aimhnichin ola, [’S] teach o bhaile na sithshaimh; [S] a chuideachds’ ri h ābhachd. [An]n na gharradh mor fine. XIII. [Th]a culaidh na bains’ orr’, [Ai]r an eideadh le firinn; [An]n ’s ann t solus ghlan, dealrach, [Gu] brath cho bhi oi’ch ann; [A] ghrian cho dean feum ann, [Ch]o soils’ i gu siorruidh; [A]ch a ghnuis sholuis, ghaolach, [’S] e labhairt daonnan le sith ruinn. XIV. [Th]a ’m intinn air togail, [Dh]ol a dh’amharc air t aros; [’S] mor is binn’ bhi gu d’ eisteachd, [No] teudan na clarsaich; [TD 58] Fuidh iteich a sge’-san, Dhuinn a b’ eibhinn bhi ’n tamh ann: Gu b’ annsa bhi ’n sith leis, No bhi ’m Riogh ann san ait’ so. XV. Tha briathra’ Chriosd ann dea’ ordadh, Aig a sheirbheisich sgriobhte; ’S mar chuaidh a cheusadh, Ga leubhadh sa Bhiobul: Thair gach ni th’ann san t saoghal, Thugadh gaol mor do Chriosda; ’S gach aon neach nach lub dh’a, Theid a sgiursadh gu sior uaith. LAOIDH X. An t Ann-saoghaltaich’ & an Creidmhich Comhra’ deise. I. “’S E ’n saoghal mo mhiann, Gach latha ’s gach blia’n, ’S bhi trusadh nan ciad le cheile; Ga stiuradh le sunt, Fea’ fearainn is fuinn, ’S ga chur ann an suim, ’s am feichin; Ga shuitheachadh tra’, ’S ag trusadh a mhāil, ’S gach uile chīs ’s aill leom fheutainn; Gun luadh air a bhās, ’S mi nach iarradh gu brath, Ach sinne bhi lathair le cheile.” [TD 59] II. [A]ch labhair gu foill, [Is] leubh ann sa choir, [Is] chi u’n geocach saibhir; [Bh]a shaibhleasan lan, [D]o bhun is do bharr, [’S] b’e bharail gu brath nach treigeadh; [A]ch ’s ann thainig am bas, [G]un fhios a thoirt d’a, [Is] dh’ fhag na laruich bhreig e, [Is] ghreas e gu luath, [Ch]um tein’ agus fuachd, [’S] tha nuadhachd ud cruai’ ri leubhadh. III. “Sean nuadhachd atá, No cluinneam gu brath, ’S ann th’ agam an tra’s an fheudail; Fear folamh gun ni, ’S fad shuigheas e shios, Ge fheodhas a ghniomh ’s a bheusan; Dol seachad ann cuil, Gun mheas air gun chliu, Ann cuideachd no’n cuirt cho d’ theid e; Bidh mise le’m cheol, A’ suigh’ air gach bord, Ag ithe ’s ag ol air feistean.” IV. [Ac]h thusa tha lan, [No] h amhairc le tair, [Ai]r neach a tha’n tra’s gun fheudail; [Bh]a Lasarus bochd, [Gu]n storas gun stochd, [La]n chneidh, agus lot, is chreuchdan; [TD 60] Ann achlais Abraham, Rinneadh e slan, Mar phrionnsa mor ard ag eiridh; ’S am fear beartach fuidh bhron, Chaill eisean gach coir, ’S e’n garadh nan leogan reubach. V. “Tha mi sgith fas do d’ cheol, ’S ro shearbh leom do ghloir, Cur sios air a choir tha’m leirsinn; O’n th’agam an stor, ’S e mo mhiann a bhi beo, ’S gun amharc cia ’n rod a theid mi; Sean shocal at’a, ’S fearr aon ean ann laimh, No air iteig a dhadheug dhiu; Duine dona gun treoir, Cho’n fhiach e bhi beo, Nach leanadh a choir ’s an ea-coir,” VI. Ach thusa bha riamh, Gun eagal roi’ Dhia, ’S tu marcachd gu dian ’s ann ea-coir; Mar neach chaill a chiall, Gun philleadh air srian, O’n thug u do mhiann do’n fheudail; ’S tu t fhear lomaidh air cach, Gan creachadh gun chaird, ’S gan iomain gu cās na h eiginn; ’S an chruadhaich do chroidh, Mur nach buineadh tu Chriosd, Gur meas u no Riogh na h Eiphte. [TD 61] VII. “Cho mheasa gu brath, ’S a bhoichead a’ fas, Tha sluaigh nan uil’ all ann deidh air; Lan aighir ata, Gach neach ata lan, Nam baidealabh ard le’n eideadh; Le’n cupaiche lan, ’S ga’n cuireadh gu bal, Bidh fir agus mnai’ le cheil’ ann; Gu cruadalach dan, ’S iad ag imeachd gun tair, Ann ’s gach ionad is ait ann d’ theid iad.” VIII. [Tha] ’n saoghal, ’s an fheoil, [Air] a mhealladh gu mor, [’S e] do bharail gur beo le cheil sibh; [Is th]a u gach la, [’Ru]igh an coinneadh a bhāis, [’S e] leagas gu lar an treun-laoch; [Cha] d’ theid leat fui’n fhod, [Do] d’ airgid, ’s do d’ or, [Ach] ciste nam bord, is leine; [Tha] do cheile ro fhuar, [Ni d]hiōt dus agus luath, [’S ch]o tigh crabhaidh an uaigh an d’ theid u. IX. [“Na]n ann toiseach mo lāith, [Gu] lubainn gu lar, [Gu] h urnuigh, gu crābh’, ’s gu leubhadh; [’S] mi faghail ni ’s fearr, [Mo] mhiann air gach laimh, [’S] mi marcachd co ard ’s an dragon; [TD 62] Bras, meamnach, glan, ur, Tuigseach, eolach, ’s gach cuis, Gu h aigeannach, suntach, ea-trom; Cho gheil mi do chrābh’, Cuiream tamull air dail, Gu bliaghna do dha mu’n eug mi.” X. O! mosgail a d’ shuain, Chuir an saoghal ort cluain, ’S e gu d’ mhealladh gach uair gu ea-coir; Gu h ard Riogh nan sluagh, Cuir iobairt ghlan suas, ’S ann leisean bu bhuan bhi ’g eiridh; Gur h iomad duin’ og, A dh’ fholuich am fod, Nach reachadh da dheoin an ceum sin; Th’ air sruthadh na smal, Fui’ bhonnabh ar sāl, Gun solus na lath’ir, gun leirsinn. XI. “Co reachadh da dheoin, Do’n chuilidh fui’ n fhod, ’S e na dhorchadas mor, gun fheum dui[?] Nach b’ fhearr a bhi beo, Ag imeachd fea’ stoir, Na tuiteam fui’n fhod gun eiridh; Ag furan nam pios, Air brandaidh ’s air fion, Gu cairstinnich, disneach, gleusta; Cho triall mi gu brath, Le’m thoill gleann a bhais, ’S gun fhiosam cia ’n t ait ann d’theid [mi.”] [TD 63] XII. [S]geul deirbhte a’ta, [N]ach d’ theid e o’n bhas, [A]on neach ata fas fui’n ghrein so; [A]n Riogh th’ann sa chuirt, [L]e mhor shluagh, ’s le chuinn, [’S] am prionnsa fui ’n chrun, gu d’ theid leis; [A]m baigeir tha siubh’l, [F]ea’ dhorsan na du’ch, [T]han leub ann ’s an uir le cheile; [’]S cho mhaiseich’ anios, [M]or chlaigeann an Riogh, [N]o claiginn bochd diol na deirce. XIII. “O bhochdainn, ’s o thraill, ’S e thogas gu straichd, Gach aon neach gheibh lamh air feudail; Am fear a ni nī, Ann cogadh, no’n sīth, Bidh meas air ’s gach tir ann d’ theid e; An corp so tha lathair, Cumaidh mi lan, Ag imeachd an tras an ceum so; ’S e mo bharail ’s an ām, ’N uair theid mi anūnn, Gu bi mi oscionn nan ceudan.” XIV. ’S fearr beagan do stor, Ag an fhior dhuine choir, Na saibhreas mor nan cēudan; Tha dhochas ann Criosd, Gu fuith e uaith sīth, Is oighreachd a cho’ich nach treig e; [TD 64] ’N uair, theid an saoghal gu crīch, ’S a dhuisgear gach linn, ’S a thrusar gach dream gu reileach: ’Reir ’s mar choisinn gach neach, Bidh an tuarasdal ac’, ’S e ’s britheamh mor, ceart, Mac De ann. LAOIDH XI. Dan Spioradail, do’n bhas. I. AIsling chunnacas air a bhas, Le shaighde geur, lomlan chalg; ’S gun ghradh aige do mhac duine, Gus am buin e leis an t sealg. II. ’Se Riogh nan ua’bhas am bas, Gun earalas trath bhi air; Mar ghaduiche thig gun fhios e, ’S bheir e fear na misnich leis. III. Ge h ard a mharcuicheas Riogh, No prionnsa le miad an stoir; Caraiche nan cleas an teachdair dana; ’S e ’m bas is treise gu mor. IV. ’N gaisgeach cruaidh chuir iomadaidh cath, ’S an treun laoch nach gealtach suil; Ge mor a threise le armaibh, Gabhaidh am bas sealbh na rūn. [TD 65] V. An t amadan ag ruigh le mhiannaibh, Nach do smuaintich riamh beairt cheart; Cia mor a spionnadh’ ’s a threis-san, Their am bas droch leagadh as. VI. An geocach saibhir, le miad a chuid, Thuirt e ris an anam tamh; Ach sguab am bas o ghloir gun fhios e, ’S cruaidh am fios a thug e dh’a. VII. [G]e d’ bu leat an saogh’l gu leir, [Is] na bheil ann do nī, ’s do stor; [U]air cho’n fhuasgail e air t anam, [G]us am fuigh am bas a choir. VIII. [’S] faoin a labhras sinn air Dia, [’S] is cian a chuireas sinn uainn am bās; [L]eis a chroidhe chealgach, do’ lionaidh, [A]ch ’s leir do Chriosd gach ni mar tha. IX. [T]husa leig srian le miann do chuirp, [A]n spiorad trailleil, ’s tu ’g imeachd leis; [M]as e ’s roghnaiche gu d’ chrīch leat, [Fu]i’n bhas shiorruidh bidh tu ’m feast. X. [’N] uair sheallas am bas ort ’s ann aodann, [C]aochlaidh do shealladh, ’s do shuil; [G]e d’ bu tu b’ aille bh’air an t saoghal, [C]innidh t aogasg mar an uir. [TD 66] XI. Cuimhnich Dia ann laith do neart, ’S na cuir dail a d’ mhart le leisg; Oir gheibh am bas gu leoir ri dheanadh, ’S ann uaigh cho luaidhear e ’m feasd. XII. ’S eibhinn bas an duine choir, A’ chriochnaicheas a laith le ceill; Theid a ghiulan leis na h aingle, Gus an rig e teampull De. XIII. ’S eibhinn do’n chreidmhich am bas, Tigh’n o Chriosd le gradh, ’s le gean; Ag radh, “tha mise ’nois ullamh, “’S triallaidh mi gu h ulladh leat.” XIV. ’S e sud ar ’n ainmheach ri phaidheadh, ’M bas, is e air lorg gach neach; Gu glanar le Roigh nan gras sinn, Tha faillinn annain air fad. LAOIDH XII. I. THugaibh iomad cliu do Dhia, Is seinnibh orain bhinn; ’S e dh’ fhuasgail oirn’ ann ’s gach bruid, ’Chuaidh a chruinneachadh gach linn. [TD 67] II. Chuimhnich e ghaol duinn’ an t Ard-riogh, ’N uair chuir e Criosd ann ’s an fheoil; A dhortadh fhuil mun chinne’-daonna, Chum an ceannach ’s bu daor dho. III. Bha ’n t Aibhearsoir le lion mun cuairt, [?] bha na sluaigh air tuiteam leis; Ach smachdaich Josa ’m priosan truagh e, ’S chuaidh slabhraidh chruaidh a chur air. IV. Tha e mar leoghan beucach, fuileach, Chum clanna daoine sgrios leis; Ach ge b’e ghlacas airm a chogaidh, Cho toir s’e buaidh air am feasd. V. ’S e sin sgiath laidir; dion a chreididh, Agus Criosd mar chloidheamh cruaidh; ’S a dhain-deoin uilc, agus innleachd, Gu sior cho bhuidhinn ort buaidh. VI. [?]eas thus’ air an stē nach caraich, ’S mairidh trocair Dhe gu brath; ’S ge do sheinneas cach gu bronach, Seinnidh tusa ceol gu h ard. VII. [?]hi u fein ’n sin miad do shonais, [?]arachadh an taobh thall do’n uaigh; Duisgidh dhuit an solus dealrach, ’S chi u Criosd am palluinn shuas. [TD 68] VIII. ’N uair theid u roi’ ghleann a bhais so, ’S eibhinn do ghairdeachas buan; Bidh aingle Dhe gu tric cur failt ort, ’G iathadh le gradh dhuit mun cuairt. IX. An ceidse criadha th’ ort mar chomhdach, Gabhaidh s’e comhnuidh ’s an uaigh; Gus an la ’n d’ thig Criosd gu dhusgadh, ’S aithneachar ur e measg an t sluaigh. X. Cho’n eil an saoghal so ach diombuan, ’S eiridh croidh na’m faslach cruaidh; Glacaibh Criosd mar sholus slainte, ’S O! bhraithrean no cailleadh ar duais. LAOIDH XIII. I. A Bhraithrean nach pill sibh ri ciall, ’N ar ’n oige biodh cuimhneach air Dia; ’N t eagal ’s ’n uair bhios sibh sean liath, Nach lub sibh do’n cheaird nach d’rinn riamh. II. Aon neach chuireas dail ann na chuis, Gus an tarruing am bas e gu h uir; Mar mhaide cruaidh mosgain gun fugh, Theid a thilgeil ’s an teine nach much’r. [TD 69] III. [A] chraobh nach toir toradh na h am, [Na]ch cuir duilleach no blath os a ceann; [’S] ann a thilgear o lar an sean chrann, [’S] theid a tilgeil ’s an teine gun taing. IV. [Ch]o truagh leo a’ sgreud no a’ ghlaodh, [Da] pheacaidh ’s an thug e riamh gaol; [O’n] thug e dhoibh oig agus aois, [Ch]o’n fhuigh e gu brath o Chriosd faoilt. V. [’S] ann is tatneach leis iobairt na h oig, [Lei]s ’m bu bheus a bhi leanmhuinn gu choir; [Ma]r ur-chrann meala mu bhord, [Le] solas an croidhe seinn ceoil. VI. [Ma]r chraobh na beatha nach crion, [No] abhall ann garradh an fhion; [’S] mar bhadan lan blath agus fhigs’, [Bid]h ’d a’ cantuinn gu siorruidh cliu Chriosd. VII. [Bi]dh t intinn air a tomhas le ciall, [’S] ann comunn droch cuideachd no triall; [Is b]itheadh t uil’ aighear, ’s do mhiann, [Gu] seusbhach ann conaltradh Dhia. VIII. [Ge] gaolach am bainne, ’s am fion, [’N] am paghaidh, is tart, agus iot; [Gu] b’ annsa bhi seinn cliu do Chriosd, [No] cire meala ri h ich’. [TD 70] IX. Ge b’ e lubas, no gheileas dha trath, Cho’n a’bhar eagail d’a ’m bas; Thig cuideachd na choinneadh le gradh, ’S ag Jerusalem nua’ ni e tamh. X. Ge b’ e leanas gu treimh-dhireach Jos’, Theid a long-san a tharruing gu tir; Gu carraig nach sgrios i dhe’ choi’ch, Ge d’ raibh cach uile le sinceadh asios. LAOIDH XIV. I. AN eiseimpleir a thug dhuinn Criosda, Aon mhac siorruidh, Riogh na gloir[e;] ’N uair a bheannuich e a chuirm ud, Gu suilbhear ameasg an t sloigh. II. Na cuig builionnan eornna, ’S da iasg bheag mar chonadh leis; Dhioladh leis cuig mile sloigh, ’S ann air nach eil ni cruaigh mar cheist. III. ’N uair a shuigh an sluagh mun fheist ud Bu bheag leo a chuirm ri roinn; Da bhasgaid deug thogadh lan uath, Bha do dh’ fhuigheal ’s lion am broinn-s[an.] [TD 71] IV. [Be]annachadh Dhia ’n tus gach cuirme, [Bu] choir dhuinn iarruidh le ceill: [Cr]eidibh gur fior na thuirt am fāidhe, “Nach roibh ni na spairn air Dia.” V. [’N] saoil u fein ’n roibh ni na spairnn air, [’N] uair thug e chlann as an Eipht? [’S] goilt e muir ruadh mar dha ailbhidh, [’S] roi ’n chuan gharbh rinn rathad re dhoibh. VI. [C]hum an fhaslaich chruaidh gun chinneas, [N]ach do chuai’ riamh chur no bhuain; [G]ach aon la bu phailt dhoibh aran, [O]’n laimh bheannaicht’ nach roibh cruai’ riu. VII. [F]eartain Mhic De ge b’ e chreidis, [S]easaidh e air stē na corach; [’S] cruaidh no gann gan d’ thig an saoghal, [’S] cinnteach e daonnan a porsan. VIII. [R]iogh Daibhidh, nan salmaibh milis, [C]huir a ghineil e gu fogar; [A]ch thainig amladh cruai’ a bhais orr’, [’S] thug Dia Daibhidh gu thigh comhnuidh. IX. ’S e briathraibh solasach Dhaibhidh, [A] raibh air chuimhne gach iall; O! Leanamaid uile cheumsan, [F]ea n ar re, le ’r ’n uile mhiann. [TD 72] X. Cuiremid ar neart an Criosda, Mar phorsan siorruidh, le solas; ’S cuimhnichmide gu leir, Mar fhuair Uan De a lot ’s a leonadh. XI. Bha naimhde mar thairbh am buireadh, ’S mar choin luirg bha iad an tōir air; Gus na sgaoileadh leo ’n fhuil uasal’, A thug buaidh air neart nan leoghan. XII. Iomairt mu’n Riogh air a chrann, Is na tairngean gu teann gan cur; Gach neach nach rannsuich mar dh’ eug e, ’S fada uaith mar eisd a ghuth. XIII. Mar ghadaich chuireadh gu bas e, ’S mar Dhia laidir dh eirich beo; Smachdaich e le crith clann Israel, ’S ann dh’a striochdas na sloigh. XIV. Gaisgeach treun nan iomadaidh buaidh e, Dh’ fhosgail suas an geata mor dhuinn; ’S uails’ iad no clanna nan Rioghraidh, Gach neach gheibh sithshaimh da choirsan. XV. Flasg sholuis fui’n lionmhor aingle, Theid an co’ail an’m an fhirein; ’S ’n uair a bheir e’n ceum gu h uaigh, Glacar suas an achlais Chriosd e. [TD 73] XVI. [Mi]onnan ua’bhasach gun a’bhar, [Am]easg dhaoine, se leo ’s deise; [’S] ainm Dhia ’n diamhanas, ’s na breugan, [’S] truagh an sgeul nach gabh iad teagasg. XVII. [Th]a eideadh coimheach oirnn do’n pheacadh, [Gu] sgriosar le aon Mac De e; [’S] gach neach nach lean e mar bheartas, [Th]eid an cartadh sios gu leir uaith. LAOIDH XV. I. AIsling mhor a chunnaig mi, Air leabaidh shocair shuain; [Sea]lladh air na miltean, [Bhi] gan aireamh sios gu luath; [Na] creidmhich bha ag eiridh, [Air] deas laimh Chriosd ’thug buaidh; [Aig] na ghabh mi dh eibhneas ris, [Do] dhuisg mi fein am shuain. II. [B’e] sin an t a’bhar gairdeachais, [Bhi] leanail blāth air Criosd; [Is] amharc air an t saoghal so, [Mar] ni ’ta faoin gun phris; [Mar] choigreach dol roi’ fhaslach, [Gac]h neach ata na sgriob; [Ach] an taobh ud eile ’n bhas, [?] gheibh sinn aite reir ar gniomh. [TD 74] III. Tha’n saoghal so ro’ charach, Do gach neach is caraid d’a; Lan do dh’ innleachd farsuing, Chum a ghlacail air gach laimh; Gach neach a’ ruigh le mhianna’, ’S gur i riaghail fein is fearr; ’S mu leanas sibh na cialla’ sin, Cho’n fhaic sibh Dia gu brath. IV. O! Dhuinn’ fhiathaich, ardanaich, Nach pill u tra’ ri ceill; Nach fhaic u’n stochd on bhuaineadh ’tu Gur iosal ghluaiseas e; A neach a bhios lamh Dhia leis, Ge d’ s cnuimh e faoin gun fheum; O thein’ agus o uisgeachan, Sior stiuraidh s’e a cheum. V. B’og a fhuair u ’n t anam, Is bu neimhchiōntas a ghnē; Chum comhnuidh ann am bothan, Air a dheanadh suas do chria; Ach ’n uair ruigheas ceann na h aonta, A sgriobh dhuit Riogh na neamh; Tuitidh ’m bothan truaillidh sin, ’S gur duainidh dhreach ’s a nēul. VI. Is iomad neach ag radh, Gun cuir s’e air dail an t eug; A bha’n de gu laidir, Is tha’n diu’, sam bas na bheul; [TD 75] [Ma]r fhaileas bhiodh air fāire, [Ga]ch neach at’a fui’n ghrein; [’S] mar dhuilleach glas nan coiltichin, [A t]huit sa pholl na leum. VII. [An] t suil bu ghlaine fradharc, [An]n san aghaidh mhaiseach rē; [A c]hluas bha geur gu claisteachd, [Is] an teang bha blast chum sgeul; [’S] an lamh bu ghramal’ chruadalaich, [’S] a chos bu luath chum rēis; [Fa]gaidh ’m bas gun ghluasad iad, [’S] tu marbh s an uaigh gun fheum. VIII. [Is] ciste chaol, is anart, [Ga]ch aon earras theid leat fein; [Am] fiuigh chrion nach mair’eanach, [Cr]ion seargaidh iad le cheil’; [An] lamh bu chaomh air uaire leat, [Gu luath] cuir uir mu d’ chrē; [Is fagar] shios u d’ onrachd, [Ge me]ad broin gam bi mud’ dheidh. IX. [Is] ua’bhasach do cheileasa, [Ga]n fheudar bhi air chuairt; [Do] chnamhan theid nan connadh, [Is] do cholann theid na luath; [N]a claigeinn ur a b’ āille, [G]un chraicean ban no gruag; [Dh]’ fhag am peacadh tair again, [’S] thug sinn do’n bhas mar dhuais. [TD 76] X. Nach faic u ’n corp air faillneachadh, ’S air dol na smal san uir; ’S mas ann do na firein e, Do Chriosda bidh s’e dlu; Togar anam priosail, Is dionar e fui’ chuirt; Is crunar ann am parais e, Le coran alluin ur. XI. ’S iomad uasal, agus iosal, Nach creid gur fior a chuis; ’S e ’m barail le ’n droch ghniomhara, Gu fuigh iad sīth sa chuirt; Gach neach nach pill mun caochail e, Bidh Criosd air cheann a stiuir; Is glaodhar iad nan diobaraich, An sraidean iosal cūil. XII. Mosglaidh iad le gābhadh, Ann an aite cumhann, cruaidh; A’ mallachadh a bhothain sin, Gu tric aig beul na h uaigh; Bidh ’n anama fein gan dīteadh, Is ag innseadh dhoibh gach truaigh; ’S ann latha mhor a dh’eireas iad, Gu teine mhilteach bhuan. XIII. ’S ann la sin thig Criosd gaolach oirnn’, Is faodhaichear gach uaigh; ’S iomad neach gu lasgoil, Deir, “Ach gheibh sinn slainte uaith;” [TD 77] [’]N uair thig a sholus dealrach oirnn’, [B]idh iad sa chasgairt chruaidh; [G]am folach ann sna cuiltean, [S]eal mum faic iad gnuis an Uain. XIV. [T]rusaidh na h uile dhuth’chana, [Is] bheir iad cuntas uath; [D]o’n fhear a rinn ar saoradh, [L]e fhuil dhaor a dhoirt e ’nuas; [B]idh smuairein mor le mi-thlachd air, [G]an cuir am priosan uaith; [’S] e ’n t Aibhearsoir a gheibh coir orra, [A]ir son an gorraich thruagh. XV. [’S] buadhach e do’n fhirein sin, [A] leanas Criosd gun fhoill; [G]u siorruidh bidh ann cuirt leis, [C]hum as ur a chliu a seinn; [M]ar ōr an deidh a chuinnidh, [B]idh na sraidean ur fuidh bhonn; [M]ar dhaimean soilleir dealrach, [’S] mar christal ban lan soills’. XVI. [M]osglaidh iad le gairdeachas, [A] sheinn an lathair Dhia; [L]e’n eideadh ur ga charamh orr’, [Is] dealraiche no ghrian; [B]idh briathran milis Chriosd ac’, [’S] e sior chuir failt le ciall; [G]an cuireadh le na bheul, [’S] ann leat a b eibhinn dhuinn bhi triall. [TD 78] XVII. O! Gabhadh sibhs’ an cuireadh, Agus leanadh uile Criosd; ’S iomad rum ga reiteach leis, An aros De le sith; Na peacaidh ’ta mar eideadh oirbh, Leigeadh gu leir iad dhibh; Oir an ceum is caoile sheolas sinn, R’ ar beo gur leir do Chriosd. LAOIDH XVI. I. GEillibh do lagh an Ard-riogh, Do reir iomhaidh rinn na sloigh; Ge do pheacaich Adhamh sa gharradh, Cha do threig e riamh ’n t āll og. II. Am fearann a gheall e do dh’ Abraham, Cho d’ fhailnich e shliochd na dheidh; Thug e do dhuthaich Chanaan iad, Ge b’ fhad an dail b’ fhior an sgeul. III. ’N tra’ chuaidh clann Israel sios do’n Eip[ht,] Bha iad fui’ phein ann, ’s fuidh chīs; Thug Riogh nan colbh roi’n mhuir ruaidh i[ad,] Ach dh’ fhag Riogh Pharaoh ’s a shluagh sh[ios.] IV. Chual sibh Maois an duine coir, A bha ’n comhrag cruaidh ’s an Eipht; Mar theachdair thainig o Dhia, ’S mor chreid iad riamh smid da sgeul. [TD 79] V. [’S] iomad plāigh dh’ fhuiling am por ud, [’S] iad a’ ruigh le dochas breig; [Ch]a roibh ’m Maois leo ach fear chleas, [B]eagan bu treio’ no iad fein. VI. [T]hainig aingeal oi’ch o Dhia orr’, [’S] mharbh e’n ciad ghin fad na h Eiphte; [’S] a mhadain bu chruaidh an gābhadh, “O! Leigibh as clann Israel”. VII. [D]o ghluais Maois leis a chlainn, [G]an tabhairt a broinn na h Eipht’; [T]hug e gu cois na muir ruaigh iad, [’S] dh’ fhosgail Dia suas na clar re dhoibh. VIII. Ghluais Riogh Pharaoh, ’s b’ aithreach dho, An deidh sloigh clainn Israel; Thainig le stoilbh trid a chuain ud, ’S dhuin a muir mor suas a beul air. IX. Da-fhichid blia’n ann san fhaslach, Do bha pobull araid De; Aran mana ’nuas o neamh orr’, Bheathachadh an da-threimh-dheug. X. Bhuail e’n t slat ’sna creagan cruaidhe, ’S bhruchd an t uisge fuar anios; ’S ur a thog e fein an t āll ud, Gar’n do chreid a dha chlar sgriobht’. [TD 80] XI. ’N cumhnanta rinn e re Abraham, Bha a lamhsan leis an treud; Thiormaich e rompa sruth Jhordan, ’S thug e steach iad da’n coir fein. XII. Dh’ eirich na fineachan fiathaich, Bu dian ann an cath, nan cēud; Sheas a ghrian leis suas sea uaire, Gus ’n do bhuadhaich leis gu leir. XIII. B’ iomad cath cruaidh agus comhrag, As an d’ thug e ’m por ud riamh; Thug e ’nios iad o thur Bhabel, Gar am b’ aill leo fein a rian. XIV. Pobull ceannairceach, cruaidh, dana, Ag sior bhriseadh āith’nte Dhe; Ghabh Dia fearg ag mead an cleas riu, ’S leig e greis iad leo’a fein. XV. Bha sinn mar chaoiridh gun bhuachail, Gun neach a ghabh a truas dhinn ann; Ach Dia treun ann cath san comhrag, Chuir e Mhac le deoin n’ ar ceann. XVI. B’e sin an deoin chruaidh ri leubha’, Mac De bhi ga chur ri crann; An gaisgeach sona rinn ar ceannach, Air a bhas thug buaidh d’an ain-deoin. [TD 81] XVII. [D]hīl e ar ’n ainmheach le eric, [’S] ann duinn’ a b’ eibhinn bhi da choir; [L]eanadh sibhse ’n iul ghlan sholuis, [’S] reachadh na choinnedh le solas. XVIII. [’S] iomadach ait leis ga reiteach, [L]e sith dhuinne ’n aros De; [Fa]r am fuigh sinn cuirm a nasgaidh, [’S] nach gabh sinn ocras na dheidh. XIX. [A]ch triallaidh ’n t amadan na shlighe, [A] reir miann a chroidhe fein; [G]us an druidear suas san uaigh e, [’S] cho toir air Dia luadh ri rē. XX. [A]s t fhearann no deansa bosd, [’S] as do stor, no dhosan geill; [O]ir lead an roinne ’s caoile d’ cheann, [C]ho’n fhuasgail iad thall am feasd. XXI. [G]abh mo chomhairle, ’s glac ciall, [’S] biodh do mhiann air a chuid is fearr; [B]i tric an comhladar Dhia, [’S] luighide t fhia’ roi’ ghleann a bhais. XXII. [B]i tric a taghal do’n t searmoin, [’S] na dearmaid choi’ch focal De; [F]eith gu foidneach ri ordadh, [’S] mo’aide do phorsan fein. [TD 82] XXIII. Im’ich a d’ laithean gu coir, ’S no dean tair air duine bochd; Seachain gach droch bheairt fui’n ghrein, ’N teagal gun eughar do’n t sloc u XXIV. Faic an roth so doll mun cuairt, Neach cho’n eil a dol o’n bhas: Gach fear, ’s gach bean thainig riamh, Thriall iad uile ’n dus o’n d’ thainig. LAOIDH XVII. I. CIOD as t uaill a dhuine bhorb! An ann le d’ stor a sheolas tu? Suil air an talamh fui’ d’ bhonn, Do chom a rinneadh da smur. II. Na dean uaill a barr do chinn Dual cho dean u dubh, no ban; An t suil ge fradharcach i d’ cheann, Is santach air gach ni do chi. III. Ma chluinneas do chluas droch sgeul, Bheir do bheul a bhreug aris? Labhraidh do theanga gu borb, Freagraidh organa’ do chinn. [TD 83] IV. Thig o d’ chroidhe tonna’ fuar, Mar shiab shneachda folbh le gaoith; Ag iomain do smuaintin faoin, Nach fheudar a chuir ann gniomh. V. Sīnidh tu do lamh amach, Mar fhear catha ’n co’ail sluaigh; ’S ni u earbs’ a d’ chosaibh fein, ’S as do sgeith a chosnadh buaidh. VI. Bheirim comhairl’ ort gu foill, Na dean bosd a d’ phearsainn fein; ’S a liuthad saighead int ann tamh, ’S galar grāin a tha na deidh. VII. Cuir do dhuil ann ni is fearr, No ailleagan tha fui’n ghrein; An cumhnanta rinneadh ri h Adhamh, ’S biodh do ghnathachadh do reir. VIII. Na bi tric ann tigh an osd, Na dean bosd, ’s na labhair breug; Na bi santachadh le d’ shuil, Ach coimhead ūmhlachd muintir Dhe. IX. Thoir buidheachas air gach tra’, Do dhail am fearann na’m beo; Cuimhnich na h aitheanta gu leir, ’S fulangas Mhic De san fheoil. [TD 84] X. Lean a naimhdean e gu geur, Ga sgiurseadh o laimh, gu laimh; Chionn e bhi teagasg an t sluaigh, Gan cumail o shior’eachd bais. XI. Breith gun cheartas thugadh air, Cheusadh e ri crann gun iochd: Mac na firinn Uan gun chiont, Thiolaic iad ’s chuir gard ma lic. XII. An treas la ruisgeadh leis uaigh, ’S dh’ eirich e suas ann an gloir; Air deas laimh ’n Athar ata, Gairm gach neach le ’n āill bhi beo. XIII. Anois a ghaisgich caisg do mhiann, ’S fuadaich gaoth fhiar as do sheol: Tilg t acair air carraig bhuan, Nach fheudar fhuasgladh le h or. XIV. Cuir do pheacaine fa’r cul, Le h aithreachas dlu, ’s le bron; ’S cuir do dhochas ann san Triath, An t aon Dia, is bidh tu beo. CRIOCH A CHEUD LEABHAIR. [TD 87] CO’ CHRUINNEACHADH LAOIDHE AGUS CHANTAICIBH SPIORADAIL, LE UGHDAIREAN EAGSAMHAIL. LEABH II. LAOIDH XVIII. I. THUSA ghairm gu h eifeachdach, Air cnamhan an Esekiel; [Th]ug cnaimh gu cnaimh ri cheile dhiu, [L]e’m feithean is le’m feoil. II. [La]bhair ach am focal rium, [Is] ge do tha mi an-shocrach; [Ai]r ball bidh slaint air aiseag dhamh, [M]o chlaisteachd is mo threoir. [TD 88] III. ’Se so ceannfa’ mu’n d’ umhlaich e, Ga bhreith ann astail bhruidean duinn; ’N tra’ bha cach gu muirnneachoil, Ann lu’chuirt ann tigh-oil. IV. Thaing filidh Phaganach, O dhu’aich chian gu fhailteachadh; ’S rinn reull an t iul air faire dhoibh, Gu dealrach fad an roid. V. Dh’ fhuasgail iad an ionnasaibh, Is thug do Riogh nam flaitheasaibh; Na naoidhean truagh’, s’e aim-beartach, Tuis, mirrh, is seodaibh oir. VI. Thuirling mal-shluagh fhlaitheasaibh, Air buachailean nan aigheanaibh; O! phlosg an croidh gu h aidhearach, ’N tra’ dh’airisibh an sgleō. VII. B’e ’n sgleo, ’ta sith air thalamh dhuinn, Caomh-chaoimhneas agus maitheanas; O Ard-riogh neamh ar ’n athair dhuinn, Na mhac a nochd’ ’s ann fheoil. VIII. Cho Bhan-riogh a bu mhathair dha, No Ban-tighearn’ eideadh scarloide; Ach bochd-bhean do shīl Dhaibhidh, A dh’ athraich e ’s e og. [TD 89] IX. Cha roibh do dh’ ionnas talmhaidh aic, Ach fis-eoin bheaga chalmana’; ’S e sud an iobairt gheanmnuidheachd, A chuir i suas mar nōs. X. [S]on’ an com ’n do tharmuich e, Le cumhachdan an Ard-spioraid; ’S a ghiulain re tri raidhean e, Air bhi dhi ghnath na h oigh. XI. ’N tra’ chualas ann Jerusalem, Gun d’ rugadh Riogh nan Judheanach; Chuaidh chathair mhor gu h ubaroid, ’S bha Riogh a chruin fui’ leon. XII. [E] paisgt’ ann trusgan an-uasal, [N]a naoidhean ’n uchd a bhan-altrainn; Dh’ fhoir iad as an fhearann e, Gu fearann coigreach broin. XIII. [C]ar toisg bha e air allaban, Gus an d’ thainig an codal doibh; Gu grad iad philleadh dhathchai’ leis, [N]ach raibh fhear casgairt beo. XIV. [’S] og bha e na dhibearach, [O] bhreith gu bhas ga dhionruagadh; [’]N tra’ chasgaradh gach ciocharan, [B]ha ann ’s gach crioch ga choir. [TD 90] XV. ’S og a thainig eagnadh dha, ’S cho’n fhoghlum dhaoine theagaisg e; ’N tra’ dh’ amail e le ceistean iad, Ann tigh Jehovah mhoir. XVI. Thuirt a chairdean ain-eolach, Gu roibh a chiall air mhearachd uaith; ’S ann orra rug an seacharan, Nach’ d’ aithnich Riogh na gloir. XVII. Air banais Chana Ghalile, ’S e rinn an gniomh bha annosach; Do bhurn glan na h amhunn doibh, Rinn fion bu daite croichd. XVIII. Cho roibh ni cruaidh na spairn air, O’n uaigh do dhuisg e Lasarus; Ge d’ thuirt a phiuthar Martha ris, Tha breine ’n tras’ na fheoil. XIX. ’S e ghluais gu luth’r na bacaich, ’S thug claisteachd do na stacaich; ’S e ghleus an t suil nach faca dad, O bhroinn a mhathar leont’. XX. Dh’ fhogair e na fia’rasaibh, Gach crith, ’s gach tinneas iargaineach; Le uile ghne do phiantainibh, Bh’ aig Diobhla’ borb ri leon. [TD 91] XXI. [C]huir fuadach fui’ na deamhana, [A]’ bha mar mhadraidh comhartaich; [?]nn truaghana’ gun chomh-fhurtachd, [G]un d’ thainig e gam foir. XXII. [A] stigh am Bard-ghethsemane, [O]choin! bu mhor a dheireas ann; [B]ha follas fola sileadh, [O] gach ribe bha roi’ fheoil. XXIII. [B]u bhochd e ’n fheadh air chuairt an-so, [B]’ ann o iasg nan cuantainibh; [A] phaidh e chis a dh’ fhuasgail air, [D]o dh’ Uachdaran na Roimh. XXIV. [N]’ an deainte Leabhran-innseachain, [A]ir gach maith, is miorbhuile; [A] rinneadh leis do dhiobrachain, [G]u ’n liont an cruinne leō XXV. [’S] olc an duais a dhioladh dha, [A] mhuintir fein ga dhionruagadh; [G]u foilleil fiar do dhiteadh leo, [L]e spid is tailceas mhor. XXVI. [T]hainig prasgan ragairean, [L]e airm na dheidh, ’s le bataichibh; [’S] air labhairt dh’a an fhocail riu, [D]o lagaich air an treoir. [TD 92] XXVII. Chuir dallamh air a shuilean, Agus bhuail iad air a chuladh e; Ag feoraich dhē’ gu h umadoil, “Co chuitich ris an dornn.” XXVIII. Bha bean Philat buaireasach, Le brionglaidibh a bruadaraibh; Is chuir i fios gu suairce uaith, Gun bhuintin cruaidh ri bheo. XXIX. Ach bha Pilat truagh co aimaideach, Air nitheadh a lamh, thug thairis e; Is dhordaich e a chasgaradh, Le builean sgaiteach chord. XXX. Mar ghiulain Isaac glas-darach, Na chuail—’s chuir teine lasarach, Ri cholainn fein gu’n achdarachd, Le Athair—don Dia bheo. XXXI. ’N crann ceusaidh bh’ air a ghuaileasan, Is follas teachd o ghruaidhe leis; ’S e lubadh fuidh na cualaibh sin, A suas ri sliagh a bhroin. XXXII. Crun do dheilgnich chuir iad air, Is eudann dh’ung le smugaidean; Mar sgeig thug colbh do chuilce dha, ’S am pluicean sheid le sgod. [TD 93] XXXIII. [?]e crann an aird do cheus iad e, [D]ha laimh, sa chosan speiceadh leo: [D]o bhuin iad ris gu deisinneach, [U]an De gun bheud gun ghō XXXIV. [Th]ug na mearlaich caineadh dh’a, [’S] an dara fear dhiu shabhail e; “A dubhras noc bios lamh rium Ann an aros Riogh na gloir.” XXXV. [S]gairt e’n sin na eiginn mhoir, “Mo Dhia cia air son a threig u mi, ’S nach d’ fhuair u riamh bonn beud ann-am Gu d’ eigneachadh ga m’ leon.” XXXVI. [?] on geur thug a chosg iota dha, [Is] air an gluinibh striochd iad d’a: “A dubhras tha e criochnaicht’, Agus striochd e suas an deo. XXXVII. [A] chliabh le gath chuaidh lota’ leo, [Sh]ruth fuil is uisg o dhochanaibh; [N]a thuilte bras gu sochairean, [A] mhuintir bhochd gun treoir. XXXVIII. [G]habh grian naduir nāire dhe’, [Ch]uir dorchadas mar sgail orra: [Ch]uaidh prionns’ na sith a ghraineachadh, [L]e graisg an diobhail mhoir. [TD 94] XXXIX. Sgag am brat aig dealachadh, Na bhlaidean nuas gu cabhagach; A thaisbeanadh gun amharas, Gun d’ atharaich gach seol. XL. An cruinne chlisg gu h uamhannach, Is sgealb na creagan cruaidhe ris; Is chlisg na mairbh o’n uaigheanaibh, A suas mar bha iad beo. XLI. Is ge d’ b’e Riogh nam fineachan, Cha roibh rum uaigh mar dhlighe dha; ’S e Joseph thug leac-lighe dha, ’N do righeadh suas a chorp. XLII. Mar chomhdach air an ainn-deanachd, ’S a dheandh cealgoir ainneant’ de’; Do shaoilich iad gu daingean i, ’S chuir fair air uaigh gu lō. XLIII. Ach a dh’ ain-deoin as-inn leachd, Dhaoin’ aingidh, agus Aibhearsoir; Do charaich aingeal fhlaitheasa’, A chloch o’n uaigh le treoir. XLIV. Air briseadh sair na madainne, Thug buaidh air uaigh, cho d’ fhan e in[nt;] Is dh’ fhag na dheidh an t ais-eudach, A nasgadh firinn oirnn’. [TD 95] LAOIDH XIX. I. COM am bhuil mo theang’ na tost, A’ cluintinn osnaichean mo chroidh’; [Gu]n bhui’eachas agus gloir, [A] thoirt do’n ti a dh’orduich mi. II. [Cia] dana do neach nach bhuil, [An]n amhain ach fuil is feoil? [Te]annadh ri aireamh do ghniomh, [Fhi]r a chruthaich neamh is neoil. III. [’S] tu rinn a ghealach, ’s a ghrian, [’S] do reir h orduigh, dhearl’ amach; [Na] planaidean, le miltidh reull, [Shu]ithich u gach tē na teach. IV. [’S t]u rinn an domhan, ’s a lan, [Slei]tibh canaich, ’s beantaibh cas; [An] fhairge, leis gach iasg ni snamh, [Thu]g u sud do dh’ Adhamh na cheart. V. [Gac]h treud a ghluaiseas ann gleann, [’S g]ach meas air chrann ann an coill’; [Gac]h lus is am fras na’m barr, [A thu]g u sud do dh’ Adhamh ’s an roinn. [TD 96] VI. Thug u ’n garradh dha mar dhuais, Chum gun gluaiseadh t iomhaidh leis; ’S truagh gun bhris a bhean a bh’ ann, ’N uair dh’ ith i o’n chrann a meas. VII. ’S i nathair a mheall i tur, A thug an t ubhal dhi’ na laimh: Bhlais i, is dh’ im’ich i gu luath, A dh’ airis a bhuaidhean do dh’ Adhamh. VIII. Dh’ fhosgail an suilean araon, ’S chunnaig iad caochladh an sgēimh; ’S thug iad duilleagan dhe’n chraoibh, B’ fhaoin an dion folaich da’n gniomh. IX. An sin labhair an t Athair ris, “C’om an do bhris u mo cheud aith’n; Bidh sgrios ga d’ leanail anois, Gheibh u fein, ’s do shliochd am bas’. X. Im’ich o’m gharradh gu luath, Dean do ghluasad fea’ nan tom; Dean t aran le follas do ghruaidh, As an dualchas tha fui’d bhonn.” XI. Moladh do dh’ ard Riogh nam feart, A thug gradh gun choimeas ris; ’S a rinn cumhnanta ri h Adhamh, Gun sabhailte pairt da shliochd. [TD 97] XII. [’S] e Criosd a choisinn sud dhuinn’, [Le] follas a ghnuis gu chneas; [An] t sleagh nimhe roimh’a thaobh, [’S] fhuil a’ taomadh mar thuinn chas. XIII. [’N] uair bhuidhinn mo Riogh a bhuaidh, [’S] a thug e suas mar iobairt fhuil; [Ch]reithnich an talamh fuidh bhonn, [’S] air a ghrein bu trom an smal. XIV. [Dh]’ eirich na mairbh as an uaigh, [Sg]oilt an teampull le fuaim ghrad; [Cr]ith-thalmhinn, ’s dealanach gheur, [Ch]aill na speuran fein an dreach. XV. [Bu] bheag an t ionadh ua’mhas borb, [Th]igh’n le stoirm air fea’ an t sluaigh; [’N] uair dh’ aithchein iad aon Mhac De, [’S] ann a cheus iad e gu h uaigh. XVI. [B’] eibhinn eisteachd guth na naomh, [Ag] seinn ciuil air teuda deich; [Ag] altuchadh a bheatha fos, [’S] a’ toirt gloir da threoir, ’s da neart. XVII. [A] thug buaidh air uaigh, ’s air bas, [A] sgrios a naimhdean as a chuirt; [Ag] cur oifigean fein ann gniomh, [’S] ag ullmhacha’ na rioghachd dhuinn. [TD 98] XVIII. Gloir do’n Athair, ’s gloir do’n Mhac, ’S gloir do’n Spiorad neartmhor naomh; Na tri pearsainn, ’s an aon Dia, Sud e ’n Triath am bhuil mo dhuil. LAOIDH XX. I. GLOIR do’n lēigh da’n leir mo lotai[bh,] Tha mo shochdair ann a d’ laimh; O! ’S tu thilg na saighde diamhair, Thig le hisop, ’s bidh mi slan. II. ’S tusa ’n lēigh a thig le d’ iarraidh, Nach iarr fiachan, ach ar gradh; Gloir is moladh thoirt le h umhlachd, ’S coimhid dlu air a chiad aithn’. III. Cho lub mi mo ghlun do dh’ iomhaidh, A rinneadh le innleachdan lamh; Leanaidh mi Caiptin clainn Israel, A’ ghrādhaich sinn mun d’ intrig bas. IV. O! ’S tu ’m fāidh a chum ar slainte, No buin fein do spiorad uainn; O! ’S tu ’n Sagairt thug an iobairt, Mar dhioladh air son an t sluaigh. [TD 99] V. [O!] ’S tu ’n Riogh a ni ar conadh, [Ar] sgiath chomhraig ri cruaidh chath: [Fr]oisidh tu do naimhde breugach, [Ma]r dhuilleach gheug ri cruaidh shneachd. VI. [Ca]thrainichear iad as t fhia’nais, [A’] triall gu priosan a bhroin; [Am] bi gul is diasgan fhiacal, [Ga]n riasladh gun fhurtachd lō. VII. [Fan]n ghul, agus coithrean broin, [’S] e sud an cronan am feast; [Ga]n leadairt le teas agus fuachd, [Gu]n duil uaire ri tigh’n as. VIII. [M’] athchuing oirbh a bhraithrean criosduidh, [Aod]hradh do dh’ Ard-riogh nam feart; [Co] bheir buidheachas san uaigh? [’S] cho d’ thig aon do’n t sluagh air ais. IX. [De]anamh obair fad an la, [’S] dorchadas nan trath da’r coir; [Ma]’m fas an teanga gun chli, [’S] uineagan a chinn mar cheo. X. [’S] amhail mi is earb am preas, [Gao]dhair ga caol-ruigh na h airc; [’N] uair tharlas i ann an cluain, [Ch]o cuimhnich i ruaig no cath. [TD 100] XI. Mar long gun seol mi ann cuan, Doininn mhor ri bord a’ strith; Fhir a dh’ fhuasglas air gach cas, Glac an acair sabhail mi. XII. Reitich cal’ do’m anam fein, Cuir trusgan nam breug so dhim; O ’S tu cheannaich mi o’n bhas! A measg do chloinne airmhear mi. XIII. ’N sin seinneam laoidh mholaidh dhuit, Air na h orgain or-uidh bhinn; ’S o’n ’s tu ’s airde th’ ann an gloir, Tagair fein do choir a Chriosd. LAOIDH XXI. I. ’S Fhada ’n codal ort a cholann, T uine ruigh mar ghlaine gainimh; Mar * ealuinn ri craoibh an doire, Tha do choire riut a leanail. II. Mosgail, ’s ruigh an r’eis tha roi’ead, Mum fas u gu h ea-slan, crom; Mu’n d’ theid do radharc an doilead, Fuadaich gach coire tha d’ chom. * ea-shlat. [TD 101] III. [G]e do ’s peacach mi gun eolas, [C]ho mheasa ’m oige no Paul; [C]uiridh mi mo dhuil am Shlanai-fhear, [’S] glacaidh e mo chas na laimh. IV. [A]n croidhe tursach ni u ēibhinn, [’S] bheir u ’n fhēumanach a lan; [C]ho bhi iota air na ciochrain, [’S] cho bhi dibearach a d’ sgath. V. [O]! ’S tu bheir do’n dall a fhradharc, [N]i mi raghain dhiot mar leigh: [T]airnidh tu chloch as a chroidhe, [A] shoirbheachadh a d’ slighe fein. VI. [S]geudaich mi le brat do dhideinn, [C]uir bata na firinn am laimh; [C]oinneal do shoisgeil a’m bhrolach, [’S] gluaisidh mi ’n coran do ghraidh. VII. [Gl]uaisidh mi gu suilbhear ait, [’S] ni mi neart a d’ bhriathraibh fein; [G]ach neach a dh’ iarras gu fuigh, [T]oirbheartas o d’ Mhac na’m feum. VIII. [Tr]iallaidh mi dh’ ionsuidh na carach, [Fa]r am bheil aoibhneas do naomh; [Na] h ainglean a’ seinn na trompaid, [’S] miltidh ag cur fonn le d’ chliu. [TD 102 IX. Cho luigh smal an cūirt nam flāth, Duibhreadh na’m fochar cho seas; Ach dealradh glan do ghnuis fai-dheoidh, A ni u og am fear tha sean. X. ’S lionmhor cruit ann cūirt mo Riogh, ’S clarsach bhinn le teudan oir; Orgain a sheinneas le fuaim, ’S gach inneal a ghluaiseas le ceol. XI. A Shlan’-fhear dhuit a sleir mo dhorainn, Cuir sgeimh na feola fo dhim; ’S gu reachain a steach do’n choi’-cheal, A sheinn molaidh dhuit a choi’ch. XII. ’S eibhinn a ghloir, ’S eibhinn an ceol, Aoibhneas gun bhron, Ann cūirt do stoir, Gun fhailinn da’r coir a choi’ch. XIII. O aon Mhac do ghraidh! A cheusadh gun chaird, ’S a thug buaidh air a bhas, Na shuigh ag do laimh, A’ sior bhuidhinn ar cāis gun sgios. XIV. Mo shuil riut gach trath, A t iochd, ’s a d’ bhāidh, Ge cruaidh mo chas, Glac fein mo lamh, Is fuasgail an sgail so dhim. [TD 103] LAOIDH XXII. I. M’ Athchuing ort a Riogh an āigh, O na ’s i do lamh is treise; Dh’ fhuasgail u Maois ann san fhaslach, ’S ann ’s gach cas gu d’ rinn u sheasadh. II. [T]hug u aran as na neamhe, [T]hug u burnn a aodan chreagan; [S]goilt u mhuir na rathad reidh dhoibh, [’S] rinn u clann Israel a sheasadh. III. [B]ha do ghairdein treun gan conadh, [A]nn ’s gach do’ruinn chuir iad seachad; [G]us na thuit iad ann an gōrraich, [’S] b’ fheudar leon tigh’n air am pearsainn. IV. [’N] uair thogadh Maois riut a lamhan, [B]ha do ghrasan aig am pailteas; [B]u leis buaidh cath agus comhraig, [’S] bhiodh e beo air sgath do bhrataich. V. [G]ach neach a sheasas ri d’ ordadh, [N]o ni treorachd as do neartsa; [’S] cintich nach basaich e’n do’ruinn, [S]hoilleirich Jhob e na eachdraidh. [TD 104] VI. ’S dana dhamh mo ruisg a thogail, ’S peacach lothar mi gun eolas; ’S dana dhamh t ainm naomha ghluasad, Le teangaidh bhuaireasaich neo-ghloin. VII. M’ athchuing ort a Riogh nam feartan, Ge do tha mo pheacaidh lionmhor; Cuir amach iad as do lathair, ’S basaicheadh iad air sgath t aon-mhic. VIII. Cho d’ fholuich u riamh do ghnūis, Air neach a dh’ iarr le durachd i; Cuidich mi ge d’ tha mi ’m failinn, ’S pailte ’n lamh no aird an lionaidh. IX. Teagaisg dhamh mo chaint a thaghadh, ’S gun deanainn roghain dhe’ t ordadh: Fuadaich mo leananan peacaidh, Chuir mi ’n cleachdain ann tūs ’m oige. X. Soilsich mo chroidhe le d’ mhaitheas, Sgeudaich mi le brat na firinn: Dion le d’ spiorad mi o bhuaireadh, ’S tu mo charraig bhuan gu dilinn. XI. ’S tu mo shoilse ri h am codail, ’S ann sa chodal ’s tu mo dhidinn; ’S tu mo thoil-intinn air madainn, A riogh nam feartan glac a d’ lion mi. [TD 105] XII. [A] d’ fheirg a Riogh, no treigsa mise, [’S] dean le d’ spiorad naomh mo lionadh; [M]o shuilean thogail ri d’ ordadh, [’S] ri d’ stor nach teirig gu siorruidh. XIII. ’N uair a thoilicheas tu fein u, [L]eis a chreabhaig so ni crionadh; [G]lac m’anam a steach do d’ gharradh, [A]ir sgath mo Shlanai-fhear a dhil mi. LAOIDH XXIII. I. CUidich mise Riogh na greine, O n’ san duit is leir mo chās; [A] dh’ fhuasgail beul na h Aisil truaighe, ’N tra’ bhuaileadh i leis an fhāidh. II. Tha mo chroidhe tursach, trom, Cha tog e leom mar mo mhiann; ’S mo theang’ ain-eolach, gun chail, Dh’ aithris do chach pairt do d’ ghniomh. III. Cia fada theid mo fhradharc uam, Chi mi obair bhuan do lamh; ’N uair sheallas mi air a ghrein, Thig pairt do d’ aoibhneas le blā’s. [TD 106] IV. Chi mi fochann, chi mi fear, Duilleach air gheig, ’s meas air chrann; Gach lus is a buaidh na coir, ’S an le d’ ordadh tha i fas. V. Sīntin an aidhir ge borb, Smachduichidh tu iad le sith; ’S ni u clach do’n uisge ’mhāin, ’S an uair is aill leat bla’s aris. VI. Chi mi ’n eanlaidh ge do ’s lionmhor, Gu sgeudachail, fiorghlan, tlath; Dathail, dreachoil, ge d’ nach sniomh iad, ’S cho chuir sioban ora sgāth. VII. An fhairge ni traghadh, is lionadh, Ag nochdadh miorbhuile do ghrais; Tha pairt d’ ar beath ann os-iosal, ’S fhuair sinn innleachd dol na phairt. VIII. Chi mi ’m botha-frois mu’m chomhair, Pairt do chomharan do ghraidh; A fhuair clann Israel shios san Eiphte, ’N uair bu truagh leat fein an cās. [TD 107] LAOIDH XXIV. I. LAtha do bhitheamar gu mear, uaibhreach, A Mhacaidh ud is guirme suil; Aon fhocal air leas an anama, Gur seirbhe bhlas no’m fearnn ur. II. [I]oin a bhaile so shuas, Gur truagh nach tuigeadh tu ’m bas; Nach faic u fear na h uaille shios, [I]s am feur uaine trid roi’ fas. III. Ge mor leat do ghiudhrain Mhuc, ’S do bhuaile bhuar bhallach breac; Uighir an ubhail ge beag, Cho d’ theid do’n uaigh chumhain leat. IV. A dhuine thruaigh nach gabh u eagal, ’M faic u ’n teug thugad na ruigh; [I]onans’ bhi air bhord na h uaighe, Ge d’ bu tu bu bhuain air bith. V. ’N uair bheirear uait an ceann-aghairt, ’S a theid air fradharc do shūl; Cuiridh iad u sint air mhaidean, ’S cho ’n ann air leabaidh do’n chlōith. [TD 108] VI. Cuiridh iad u ’n cistidh chumhainn, Aon bhrat lin do bhi mu d’ chorp; Druim do thighe ri cuinnein do shroine, ’S cumhann an teach ola dhuit. VII. Tri slatan do dh’ anart margaidh, Theid mu d’ chorp, gur beag a phris; ’S bidh do chairdean ’s do luchd comainn, Ga ghearradh mu d’ bhonnaibh shios. VIII. Togaidh iad u ’n darna-mhaireach, Sluagh mu seach a’ dol fuidh d’ chorp; Ghille ge mor leat do mhire, Nithear cluich na Cille’ ort. IX. Carbad beag nach bi do shāth, Bheir iad leat gu beul an t sluic; Lamh na ti bu chaomh air uaire, Uir gu tiugh ga shluaistreadh ort. X. Bheir iad u gu beul na h uaighe, Gun neart gun fhradharc gun lūth; Do chairdean a d’ dheidh gu bronach, ’S fagar shios a d’ onrachd thu. XI. A dhuine thruaigh nach fhan u d’ eagal, ’M faic u ’n t eug thugad na ruigh; Ionans’ bhi air bhord na h uaighe, [G]e d bu tu bu bhuain air bith. [TD 109] LAOIDH XXV. I. ’S cian ata mi ’m chodal, Gun abuchadh m’ uine; [’S] gun smuainteachadh trathail, [Ai]r latha bhais ’s na h uire. II. [Th]a ’n saoghal gam mhealladh, [Ua]chdaran mo chroidhe; [Ga]m mhealladh o bheatha, [’S] gam thoirt fiar san t slighe. III. [Th]a’m t eug ua ruigh thuganne, [Ma]or an Riogh is airde; [’S] cha chum buar, no cūinneadh, [Ua]ir d’ ar cuis na cairdean. IV. [Na] ruisg shocrach, fhior-mhaiseach, [Tr]id na gnūis is aille; [’S] ann teanga dheas gheur-fhoclach, [Le]’n sgeiltear na sgeoil ghāire. V. [?]an lamh laidir, chruadalach, [Le’]m beirte buaidh gach barach; [’S] an croidhe mear ardanach, [Na]ch fuiling tuar no taire. [TD 110] VI. Am fiudhidh chrion, nach maireanach, Crion seargaidh iad le cheile; A’ dol an duchas t fhearain leat, Gun earras ach do leineag. VII. An oighreachd nan teach drilseannach, “Deanamid ol nan urad:” O amhairc air d’ leab iosail, A d’ oighreachd shiorruidh shuthainn! VIII. Do chomann gu teo’-ghradhach, Dol leat gu cuirm, is coinneadh; Ach air bord na h uaighe, Cha’n fhan iad uair a d’ chomann. IX. Tionacadh lamh an fhireanaich, Chuaidh ris a chrann gu do’ruinneach; Ri toirt buaidh gu ceusannach, A leith an t sluaigh gu leoghanach. X. Chuaidh tu sios chum fulangais, Ann san iobairt anshocraich; ’S thainig u ’nios gu h urramach, As an uaigh gu ceannardach. XI. Chuir e ’m blar gu h urranta, Air a bhas gu h ainnealta; Dean mo choir, ’s mo chumailsa, Ann a d’ ghloir gu maireannach. [TD 111] XII. [’N] am thrusadh nan traipeachan, [’S] tu ’s urrain gu’n ordachadh; [Th]oir mo sheilbh gu didinnich, [A] steach o chlann nam fogarrach. XIII. [Bi] ann a d Thriath gam chuideachadh, [La]tha cian na h ais-eiridh; [’S] na leig mi gu tuisleumach, [An]n cuideachd clann na h as-umhlachd. XIV. [’S] ann a d’ ghloirs’ tha ’n t sithshaimh, [A]ch tha luchd a bhroin gu piantachail; [O!] thoir mo sheilbh gu d’ dhidinnsa, [G]us a chathair chiannanach. LAOIDH XXVI. I. GABH mo chomhairle roi ’n bhas, ’S bi ’g aireamh do laith fai-leath; [G]ach aon lochd a rinn u riamh, [’S] modhaide do phian an cleath. II. [D]ean t fhaosaid ann lathair Dhe, ’S na bithidh do dheur na thamh; [A]igeasan tha feitheadh ort, [?] a leighiseas lot da mhead. [TD 112] III. Iomagain an Riogh air a chrann, ’S na tairngean gu teann ga’n cur; Biodh sud a d’ chuimhne ri d’ rē, Gus an d’ theid cria air do mhuin. IV. Mu bhios uir-easbhuidh no di, Air muintir Chriosd a’ teachd a d’ dhail; No dean eargalt as do stor, ’S liubhair t ailmse uait le gradh. V. No bi fein ceatach mu d stor, Cho ’n eil e d’ choir ach car treall; ’S ge d gheill duit fearann is fonn, Cha ’n fhuasgail e bonn duit thall. VI. Cuimhnich air riaghail nam faidhean, ’S na briathraich a bhreug le ceilg; Na h aom le h ardan do mhiann, ’S cairich srian gu teann ri d’ fheirg. VII. Cuimhnich an geocach na sheasadh, Air Lasarus cho d’ thug meas; Thainig an t eug air gu cās, ’S dh’ eignich as a ghloir gun fhios. VIII. No sīnsa t aire ri d’ aois, Mu maolaich do chrann gun chnuais; ’S cho’n fhuigh t athchuinge gun phris, Dadum duit o’n Riogh anuas. [TD 113] IX. Cum freiceadan air a bhas, ’S na tabhair freasdal do d’ ghnuis; ’S na bi ann a d’ charaid do’n chraois, Mu meallar le baois do chuis. X. Coimhid an t sabaid le stuaim, ’S na creic do bhuaidh air mio-rath; Na caill do mhaith air mio-chluain, ’S air gradh aithneicht uamsa gabh. LAOIDH XXVII. I. DIdomhnaich a rugadh Criosd, Shoilsich solus am beinn gle ghil; [S]hoilsich an cuan min gheal, re-gheal, [S]geula b ionadh le Joraith. II. [C]huir Joraith fios uaithe gu traidh, ’N sin rainig buidheann threun; ’S dh’ fhiosraich iad do’n bhuidhinn mhoir, Ciod e ’n t soils’ tha do’n t seala-ghrein. III. Mac a rugadh sa bheatha bhuan, [?]e port tuinne re trean ruagh; [?]asa maithrean Cleireach gun fheall, [?]heir e ’n oighreachd uile tharuing. [TD 114] IV. Cuireadh thugamsa ga phianadh, Gach mac tha’n ceann a sheachd bliadhna; Anois sin a chur anall, Gu ruig aois na h aon oidhche. V. Chruinnichidh gach macain maoth, Gu cnocan naomh gu’n crādh; Gus an laraich shona luim, ’S a mhathair fein leis gach aon Mhac. VI. Dh’ eirich Muir air madainn mhoich, A dhol am folach le mac fein; A’ dol di as na gabhadh thall, Chunnaig i tighin ath-bhuidheann. VII. “A ghraidh soilsich ni a’d intinn, Ciod e ni sinn;” “Tha ’n ath-bhuidheann ann an gair dhuin[?] ’S bas a dhilseinn.” VIII. “Labhair thusa gun fheall, Ris a bhuidhinn ud a th’ann, Ge do shuibhail iad gach tom, Gu bheil an iontrain agadsa. IX. Eist a bhean agus bi d’ thosd, ’S leir dhamh gile do dha rosg; A bhean as an tir ud thall, Na’m b ann agad a bhiodh cho’n innsead[h.”] [TD 115] LAOIDH MHIC CITHICH. I. MO dhuil ann Criosd, An tī ’ta laidir buan, Ard phrionnsa gach Ri’, Th’air crich na talmhainn fhuair; Ge mor libh ar stri’, ’S ar caoi’ mu ni gu cruaidh; Na laimhsan tha’n stiuir, ’S tha feitheadh oirnn uir, is uaigh. II. Tha ’n sluagh so borb, Le toilg, ’s cho’n ann le ceill; ’S e ’n rodhain is fearr leo, Tadhadh ga’n aimhleas fein; Gun chreidimh, gun chrabh’, Gur nar bhi’n as-umhlachd Dhe, Mu’n t-saoghal co teann, Gu saoil iad gur h ann doibh fein. III. A chollunn gun chiall, Bha riamh a’ dusgadh nan olc; Nach fiosraich u d’ ghnē, Gur h iosal a thainig do stoc; Do dh’ uslach, ’s do chrē A rinneadh do chnamhan ’s do chorp, Biaidh tu aris a d’ smal air dubhadh, [?]ui’ shailtean nan cos. [TD 116] IV. Cho bhio’adhamaid ard, ’Nan deanamaid sealtainn oirn fein; Thuit Adhamh le sgrios, Dh’ fhag bāit a shliochd na dheidh, Nam bio’adhmaid glic, ’S gu coisnea’maid meas duinn fein, Gu fuighea’maid iochd, O laimh do Mhicse Dhe. V. Tha’n croidhe so goirt, Ochoin a noc mar tha; Co cruaidh ’s a chlach, Gun tiomachadh tais no tla’, Bris fein a chlach, O na’s tu is treise lamh, Gun sruthadh e bras, A chumha mar thachair dha. VI. Nach creid sibh le’r suil, A chuis ga h iomairt mar tha, ’M fear a shaoileas bhi buan, Tha’n uaigh ga grinneachadh dha; Tha’m peacadh gar claoi’ A choich cho’n fhuigh sinn uai’ tamh Ach ’s e’n leigh a tha shuas, A dheanamh ri h uair sinn slan. VII. Tha’n eallach so trom, A leag mi o bhonn gu lar, Gur cian mo chlos, ’S nach d’ rinneadh mo phrosnacha’ tra’; [TD 117] Mo thruaighe mi, Mar chaith mi na thim mo laith, No fag mi Chriosd, Glac m’ anam, ’s mo shith a d’ laimh. VIII. Ma thainig a thiom, An teachdaire dian am bās? Da ghnothach cho mheirbh, ’S da sheilbh cho tabhair e dāil; O! Nach roibh mis’ am dhuisg, ’S gum b’ fhiu mo ghabhail gu slaint; Ach fear sheasamh mo chūis, Cho d’ thug mi riamh cuntas d’a. IX. Ma’s aill libh bhi beo, [A]nn ceol, ’s ann aidhear gu brath; Glacaibh tigheadas buan, [T]ha shuas aig Athair nan gras; [L]eigibh an saoghal so dhibh; Gur tiom dhuibh gabhail mu thamh, [C]ho b’ionann ’s gu sior, [B]hi ’m pian ann garadh nach tlath. X. [T]ha spiorad an uilc, [A] seideadh ar cuirp gu teann; [’S] gar leanail gu min, [C]hum ar ’n Og, is ar Sean a chall; [G]ur deisneach a bheairt, [M]ar gheill sibh do’n pheacadh dhall; [O]! Nach ulmhaich sibh as, [A] dh’ urachadh staid is fearr. [TD 118] XI. Tha’n saoghal so cearr, Ge teann tha sinne na dheidh; Mar Ghearran gun srian, Dol an rathad is miann leis fein; ’M fear is pailte do ni, Is thaisgeas na miltidh ceud; Sia troidhean d’a ’s rum, Gun fharaid cia ’n t iul a theid. XII. Ma fhuair sibh ar toil, Le h ua’mhar, le h olc, agus breug? Ma ’s ann air ghabh sibh gaol, O’n fhuair sibh an saoghal dhuibh fein? ’S ar croidhe, ’s ar suil, Sior chosnadh ruim ’s gach ceum; Ach tha bhuidhinn ud beag, Ma chreiceas sibh flaitheanas De. XIII. Tha Bioball nam buadh, Ag labhairt asuas gu grad; Mar pill sibh san am, Gu bi sgiurseadh nan lann gu ’r teach: Nach creid sibh o Chriosd, An sgriobhadh a dh’ fhag e pailt; Gur h eisean an Ti, A dheanamh ar dion air fad. XIV. Nach creid sibh o Chriosd, ’S mar sgriobh e’n Tiomnadh Nua’; Co cinteach ’s tha bas, Tha’n la ri chumail le buaidh; [TD 119] Thig mac Athar nan grās, O neamh as na nealaibh shuas; A dhusgadh nan corp, Th’ air smuradh ’s air smodadh san u aigh. XV. ’S e ’n t ardan, ’s an t ol, Chuir na daoine co-mor as am beachd; ’S e ’m farmad, ’s a miann, A thog iad ann diollaidibh each; Ghabh iad ceist air an fhion, ’S cho leabh iad am Bioball ach tearc; ’S gann a chreidis le’n suil, Ge do leabh iad gu cul a chairt. XVI. Cho’n aon neach glic, Nach measadh breitheamhnas De; ’S ann aige tha fios, Gach aon ni thig ’s a theid; Tha maitheas na rūn, Gu h ur na fhlaitheanas fein; O Dhia! toir dhuinn, Gu fuigheamaid rum fui’ d’ sgē. XVII. Tha mise ’n so, ’n laimh, ’S mi feitheadh ri gras do Mhic; Ann an cunnart an eug, Gun fhios cia-dhiu theid, no thig; Cha b’ umhail am bas, No ’m bithidh mo dheanadas glic, Nan umhlaichinn trath, ’S bhi ’m chulaidh mun d’ thainig am fios. [TD 120] XVIII. Tha ’n iomairt so noc, Air bualadh am chorp gu teann; Ge b’e dh’ fheuchadh an lochd, Gu’m fuigheadh e’n lot na b’ fhearr; A Riogh nan dul, Riūt ’m uigh, is ’m aithre gu teann; ’S glac an t anam so uam, Mu’m fuaraich mi ’n peacaidhne marbh. XIX. Gabh uainn Ard-riogh, A ni do’n d’ thug u do speis; A chruthaich u slan, Dea’ ghniomh do laimhe fein; ’S gibht a chollunn bha saor, Nan coimh’deamaid caoin o bheud; A ghabh toil air a chraoibh, ’S dh’ fhag mallachadh ’s daors’ na deidh. XX. ’S e latha na craoibh, A dh’ aom sinn uile gu grad; Chum uilc, agus bhreug, Chum eud, chum eigheach, ’s chum slad; Gun tuigse, gun chiall, ’Sior thriall ann iomachar lag; Ro chosmhail ri tnu, ’S nach fiu sinn uidhir an dad. XXI. ’S ann thuit sinn fui’ phna, Mar dhaoin ann an āraich chuai’ lot; Fuidh phuthar nan lann, Gu d’ bhruthadh ar ceann, ’s ar corp; [TD 121] O nach duisgte leinn deoir, Is mulad, is bron, gu goirt! Air son ar droch mhiann, ’S na smuaintich sinn riamh do’n olc. XXII. An cuala’ sibh Job, Mar dh’ fhan e gun phoit, gun mhisg; Ge d’ chaill e stor, Is fhearann, is or, ’s a shliochd; Bha chroidhe gle bheo, Ann gloir an Athar, ’s a Mhic; ’S ge d’ loth e sa mhui’r, Bha dhuil gum fuigheadh e iochd. XXIII. Do mhurach a chrē, Bha ’n deirc ga h iomachar dh’a; Ann an otrach nan each, Fui’ rotas chearc is gheadh; Gun d’ eitich e’n t or, A dheoin, ’s a dh’ aingein a mhna; ’S chum e aigneadh gun bhreug, Do’n ti gheall eibhneas dh’a. XXIV. Nan teanda’maid cruaidh, ’S ar guala chumail sa choir; An aghaidh gach uilc, ’S a chuirp, is ann toil na feol; Bhiodh ar tuarasdal pailt, ’N uair a ghlaoi’t air ac a mhoid; ’S nuair a thigeadh an uair, Gu’n cuirte sinn suas le Job. [TD 122] XXV. ’S e pearsa nan De, Is briathraibh dhuibh fein na’r measg; ’Sior luthadh na mionn, ’S a puradh ann le fios; Com nach tuigeadh sibh fein, Bhi g’ar ruigheadh ann leinidh bhig; ’S nach bu chubhaidh dhuibh ainm, Bhi ga luthadh an ainmein tric. XXVI. Gun do dh’aom mo chorp, Is chaochail mo choslas dhiom; Mar chorachan bochd, Gun aithreachas goirt ra linn; Mar dhuine ri port, ’S gun duine gu chrosgadh gu tir, Gur fann mo thaichd, Mar fuigh mi neart o Chriosd. XXVII. Nan d’ thigeadh oirbh creach, A thogadh amach ar ni; Bu bhuailteach ar bas, Ag guidhe gun fuigheadh sibh sith; Gur deisneach a bheairt, Mar dean sibh ar leas ach cli; C’om an duineadh ar beul, Gus am fuigheadh sibh paidheadh o Chrio[sd.] XXVIII. Do thainig oirn’ Criosd, Gu isleachadh sios do’n bhas; Le dhea’ thoil fein, Chum sinn thoirt do dh’ aoibhneas gu bra[th;] [TD 123] [A]ch dh’ fhan am peacadh nar deidh, [G]ur mallaicht’ a sheid e ghna’; [’S] cho d’ iarr do chīs, [Ach umhlachd fhior thoirt d’a. XXIX. [O] sibhs’ uile Chleir, [A] leabhas an Soisgeul ceart; [N]a leigibh na buirb so, [’N] grund na fairge mach; [N]ach truagh leibhh ar call, [G]ach dall gun tuigse, gun neart, [Th]a sinne gun chiall, [’S] th’ar suilibh agaibhse ceart. XXX. [’S] fad tha sinn ’n ar suain, [Gu]n chuimhneach air dusgadh a bhais; [Th]a dighealtas trom, [A] feitheadh oirn’,-thoill sinn e; [Mu] dheidhinn na’m bochd, [Ag] glaodhach gu goirt gach la; [Gu]n chorum, gun cheart, [O] mhuintir nan sacaibh lan. XXXI. [Ge] mor leibh ar taic, [O’n] fhuair sibh a ghlac so lan; [Th]ig sumananadh grad, [Is] creidimh nach fad an dail; [Gu]n d’ theid sibh ’n ar trot, [Gu]n each, no coidse mar chach; [’S] nuair a ghlaodhar a mod, [Ch]o dean airgead, no ōr dhuibh stāth. [TD 124] XXXII. On chruthachadh fein, Do dh’ eirich an dubhachas ann; Ach thainig Mac De, Gu ’r fuasgladh o eiginn theann; Gun do reubadh a chorp, Thoirt leirsinn do rosgaibh dall: Chuaidh a thasgaidh ’s ann uir, Nuair choi-leon e run ’s gach ball. XXXIII. Chuaidh a thasgaidh ’s an uaigh, An gaisgeach, ’s bu chruai’ an cas; Ag ceannach an t sluaigh, Gun d’ fhuiling e bualladh bais; An treas latha chuai’ suas, Gu cathair na’m buadh a bha; Aig an Athair bu mho, Toirt breith eidear bheo, is mharbh. XXXIV. ’S e Athair nan gras, A chruthaich gach feur, is fonn; Ri uine sia laith, Gach aon ni tha, sa dh’ fholbh; Chuir iasg ann sa chuan, Ga altram fui’ fhuaim nan tonn; Chuir duilleach air gheig, ’S chuir toramh ’s an deis gu trom. XXXV. C’ om nach creathnaicheadh ar feoil, Mu dheidhinn an la tha ri teachd? Nuair a sheinnir an ceol, Gun cruinnich a mor, ’s am beag; [TD 125] Fhir a theasraig mi ’n tūs, Cha do sheas mi le durachd dhuit; A rinn mo cheannach gu daor, Le taosgadh fola do Mhic. XXXVI. O Chriosd no fag mi, ’M faslach ceathaich, gun fhois! Mar ainte ’n sgāil, Ag caitheamh nan tra’, gun chlos; O’n chuir u do shiol, Abuich le bri’ e bhos; ’S gleidh sein a bhar, Mun caill u toramh do chois. XXXVII. Cho labhair mi ’n tras’, Le mhead ’s tha togairt gum thoil; ’S mo pheacaidh-ne fein, Gam agairt gu geur, ’s gam ghuin; O Riogh nan dul! Thoir uine aithreachais dhamh; ’S gabh cuntas do ’m chrē, O’n tha mi Mhic De, fuidh d’ thoil. LAOIDH XXIX. I. MOladh do’n ti ’s airde gloir, An ti ’s mo’a no gach neach; Cruith-fhear an t saoghail gu leir, Da’n cu’idh dhuinn geill air fad. [TD 126] II. ’S tu rinn an domhan, ’s na th’ ann, Na cuantaidh domhain, ’s am fonn; Chuir thu iasg gu altram ann, ’S thug thu ciall gu ghlacail duinn. III. Rinneadh leat gealach is grian, Thogail fiadhnuis air do ghloir; Cho’n airis mi a mile trian, Do chruthachadh an Dia is mo. IV. ’S tu rinn na reullan air fad, A riaghlachadh gu ceart nan trath: Gheall thu maraon fuachd is teas, Fogh’ara m’an seach is mart. V. ’S tu rinn na h ainglibh air fad, Tha ’n t Aibhearsoir fui’ d’ smachd gu mor; Air slabhruidh laidir aig do Mhac, Cumail a neart o theachd oirnn.’ VI. Rinneadh leāt an duine’ ris, A reir t iomhaidh chum do ghloir; Ach chaill e ’n oidhreachd ud gun luach, ’S cho’n fhuasgalar i le h or. VII. ’S tu chuir am fradharc na cheann, Chuir thu folt roi’ chlaigeann lom; Thug thu cluas gu eisteachd dh’a, ’S gluasad a chuirp o na bhonn. [TD 127] VIII. Chuir thu Adhamh an codal trom, Chuaidh leigh nan gras os a cheann; ’S do aisinn thaobh do rinn, A bhean o’n do ghin gach clann. IX. Chuir thu e ’n garradh nan seud, Far an roibh aoibhneas a ghraidh; Dh’ ith a bhean an sin a meas, ’S dh’ fhuiling i, ’s a sliochd am bas. X. Cha roibh a teasargain aig neach, O’n chumhnanta rinn i bhris; ’N tra’ ruisgeadh an sgeudachadh ceart, Bha chuis no h eagal an sin. XI. Ach moladh do dh’ Ard-riogh nam feart, O nach b’aill leis teachd d’ar sgrios; Nuair chunnaig e Adhamh na airc, Rinn e cumhnant’ nan gras ris. XII. Thainig Josa ’nuas le thoil, Thug e suas mar iobairt fhuil; Mac na firinn Uan gun chron, M’ar ciontain-ne fhuair e ghuin. XIII. Chrochadh e ri crann an aird, ’S an t sleagh sāite roi’ a chorp; Crun geur na pein chuir mu cheann, Fhuair Mac De le naimhde lot. [TD 128] XIV. Crann sgithich an aite crūn Riogh, Mar thailceas, ’s mar dhi-meas mor; ’S fion geur agus dom las-sath, ’N deoch a thug iad d’a ri ol. XV. Na tairngean g’an cur an sas, Am bosaibh a lamh le h ord; ’S fuil a chroidhe roi’ a thaobh, Ceannachd bu daoire no ’n t ōr. XVI. Nuair chuaidh Criosd gu pein a bhais, ’S a dh’ fhuiling air son an t sluaigh; Sgoilt brat an teampuill sios gu lar, ’S dhuisg na mairbh an aird o’n uaigh. XVII. Chreathnaich an talamh trom le crith, Air a ghrein do thainig smal; Le feirg Dhe, do chrath e ’n sin, Dh’ fhuiling Criosd am bas re seal. XVIII. Dh’ adhlaic iad an t Uan fui’ lic, Thug e buaidh san uaigh cho d’ fhan; As a bhas thug e gheur-ghuin, ’S dh’ eirich an treas la gun smal. XIX. Na shuigh aig deas-laimh Athar a’ta, Criosd le grasan os ar ceann; Ag cur Oifig Sagairt ann gniomh, A’ deasachadh a rioghachd dhuinn. [TD 129] XX. Thig an t am an d’ thig Mac De, Creidibh sud gur sgeula fior; Le miltidh mil’ do dh’ ainglibh treun, Thoirt oirnna breith a reir ar gniomh. XXI. ’N sin seinnear an trombaid gu h ard, Leis na h ainglibh ’s aille snuagh; Eiridh na mairbh an aird o’n uir, ’S bheir e cuntas uaith’ an cuan. XXII. Liubhraidh gach uaigh na fhuair i fein, ’S cha bhi neach do’n treud air chall; Nochdar iad uil’ am fiadhnuis De, ’S e Mhac fein is Breitheamh ann. XXIII. Bithidh iadsan soilleir an sin, Mar sholus dealrach an dreach; Thig Criosd nan coinneadh le gean, ’S bidh sith ann comann nam flath. XXIV. Ni thu ’n sin tearbadh air gach neach, ’S dionaidh tu o’n fheirg na’s leat, Mhead ’s tha air an dearbhadh dhuit, Cuirear iad fui’ dhion do bhrat. XXV. Cuirear na gabhair air do laimh chli, Chum triall gu priosan a bhroin; Druidear suas, ’s gur cruaidh an sgeul, Flaitheanas De air an sroin. [TD 130] XXVI. Mallaichidh ’n inghean, a Mathair, Mallaichidh Mhathair, a clann; ’S mallaichidh ’n t Athair, a mac, Nach do ghabh mu smachd san am. XXVII. ’S iomad sgairteach, is gul geur, Ri h am cluintinn sgeul an craidh; Mallachadh a cheil gu leir, ’S garachdain ri Uan a ghraidh. XXVIII. Sin la an dealachaidh bhochd, G’an sgarachdain a dh’aingeinn riut; G’an sgiursadh gu h aineal an loisg, ’S gun duil aig anam tigh’n as. XXIX. An teach d’a milleadh cuirear iad, Fui’ dhioghaltas an ard-riogh; Gun duil ri furtachd no ri bas, Gu brath cho d’ thig iad anois. XXX. Fasaidh ’n cuirp co chruaidh ri prais, Mar iarrann an cas san lamh; G’an cumail beo ann an sior phian, Teine dhian gun fhurtachd la. XXXI. Gach aon la mar bhli’ana bhuan, Ann lagan loisgeach, cruaidh an sas; G’an liodairt le teas agus fuachd, Sud i ’n duais cia fad an dail. [TD 131] XXXII. Latha cho bhi ann na dheidh, Folaichear na reullan sa ghrian; Sgriosar an saoghal gu leir, ’S neach cho d’ theid ann toll o Dhia. XXXIII. M’ athchuing’ riuts’, air sgath do Mhic, Meadaich mo ghliocas le gras; ’S thoir disearsa dhamh ’s gach cuis, Seal m’an druid mo shuil le bas. LAOIDH XXX. I. CHruthaich Dia an duin air thūs, Ann staid bheannaichte gu fas; ’N uair a chuir Adhamh sin air cul, Thoill e dhuinne pheacaidh, bas. II. ’S i nathair a rinn a lot, Ghlac i ’n spiorad nach raibh ceart; Gun d’ fhag i eisean lom-noichd, Is thug peacadh air a shliochd. III. Nuair a bhuair a bhean, a meas, Thug i e do dh’ Adhamh, is blais; Smuaintich e mar rinn, is chlisg! Thuit e’m peacadh eitidh, cas. [TD 132] IV. An t Ard Riogh chruthaich an saoghal, Nuair ghlaodh e air ann sa ghārra’; Do theich an duine roi’ aodann, Dhiobhail aodaich, ghabh e nāire. V. Lomracach ri doll e d’ fhianuis, Och, a Dhia! ’s ann leam gur dana; Labhair Dia, o na ’s e b’ fhiosraich, Dhuine com na bhris thu m’ aithne? VI. Adhamh ciod a bu lei-sgeul duit, Nuair a dhiult thu Dia nam feart; ’S a thaobh thu Spiorad gun tlus, Prionnsa’ ifrionn nach raibh ceart? VII. Soillsich m’ anam as a Bhiobull, Aris le soisgeul na slainte: ’S aghor an taisbeanadh firinn, Mar thainig Criosd o na h arda? VIII. Fhir a dh orduich grian is solus, ’S mor an gaol a thug u n’ anam; Thug u do Mhac an riochd duine, Le fhuil fein do rinn ar ceannach. IX. Thainig u oirnn ann staid iosail, Dheanamh ar sithshaimh ri d’ Athair; ’S cha do chaomhain u t fhuil phriseil, Dhortadh a sios chum ar gleidhidh. [TD 133] X. Thainig u oirnne le h iochd, Thoirt ar n ainamnaibh gu fois; Chuir iad deilgnidh ann a d’ chneas, O chrun do chinn gu d’ dha chois. XI. Chuir ort crun treonai’ gu d’ nimh, A d’ lei-taobh chuir iad an t sleagh; Leig iad fuil is uisge mach, A taobh Chriosd bu chruai’ an lagh. XII. Thug thu ’m fradharc do na daill Thug thu’n luth do chriplich chruaidh; Thug thu’n claisteachd do na bothair, ’S thog thu na mairbh as an uaigh. XIII. Chionn gun d’ innis thu an fhirinn, Och a Chriosd chuir thu gu bas; Soillsich mi a Riogh nan Rioghraidh, A dh’ eirich anios an treas la. XIV. Ann san t shaoghal bhreugach, pheacach, Judhanaich gur truagh ar cuidse; C’om nach d’ thug sibh bri’ da fheartan, Nuair a rinn e fion do’n uisge. XV. Chuaidh tu chur t ainglibh amach, Air ceithir randainibh an domhain; Chruinneachadh an t sluaigh ri cheile, Los an reitich chur mun cothair. [TD 134] XVI. Luchd mio-ruin, is mionnan breige, Meairl, is murt is briosaidh posaidh; Bidh an latha sin gu deurach, Nuair thig Criosd thoirt breith na corach. XVII. Latha gun ath-deanadh tuillidh, Latha duilich theachd g’ar reiteach; Latha sonais, agus do’ruinn, Latha tursach, bronach, deurach. XVIII. Air sliabh Sioin theid ar tearbadh, Mar sgarar caoirich o ghabhra’; Luchd nam beannachd leis an Ard Riogh, ’S luchd an uilc an tus na doruinn. XIX. ’S truagh a bhi ’g eisteachd an garraich, ’S ann la sin a teachd o’n t sliabh; Mallachadh an Athar ’s na Mathar, Gun d’ thainig do’n t saoghal riamh. XX. Deir Criosda ri luchd an uilc ud, Tar do dh’ ifrionn, ’s a giall fosgailt; Far am bheil gul is giosgan truagh, Ann teas, ’s am fuachd choi’ch g ar losga’. XXI. Mile bliadhna dhoibh gach uair, Mar fhichead bliadhn’ gach aon lo; G an leidirt ann ifrionn fhuair, Bhi ga luadh, ’s an leam is leon. [TD 135] XXII. [?]osglaidh an talamh a bheul, [?]luigidh e gach treud mar thig: [?]ir tha ’n diu’ ann tir nam beo, [?]euch nach seol thu chum an rib. XXIII. [?]n da shuil sin ann a d’ cheann, [?] iad ag amharc air aon fhonn; [?]un d’ thig ort ach uine ghearr, [?]ho bhi nan ait ach da tholl. XXIV. [?] sibhsa chlanna daoine, [?]uimhnichibh Ostail na gloire; [?]uiribh cul ri gean an t saoghail, [?]thugaibh gaol do bhreith na corach. XXV. [?]o’n fhaod mo theangasa labhairt, [?]o mho smuaintich croidhe duine; [?] t eibhneas tha ann am flaitheas, [?] chum ar maitheas a chumail. XXVI. [?]a’n saoghal so santach, slighich, [?] tha’n t eug na lorga dubha; [?]ugamaid gaol le’r n’ uile chroidhe, [?] ’n ard Riogh a rinn ar cruthach. XXVII. [?] b’e bheir ai’re do ’m eachdraidh, [?]a bheir aiste feart is fuaim; [?]eibh sibh na briathra’ so sgriobht’ [?]n focall Chriosd is Tiomna’ Nuadh. [TD 136] LAOIDH XXXI. Air son Maidin la Seachdain. I. MO Dhia! do’n ghrein thug eolas mo[r,] Gu eiridh oirnn’ gach la, Chum soillseachadh do’n chruinne-chē, Mun cuairt nan speur gun tamh. II. O sheomraiche na h airde near, Air mhadain duisgidh suas; Gun tamh, gun fhois, ag ruigh na rēis, Gu h eibhneach deas is tuath. III. Coi’-lionams’ gun chlos gun sgith’s, Mo ghniomha’ mar a ghrian: Air tus an la, triallam gun sgāth, Air slighe slainte ’n Triath. IV. Toir dhamh, O Dhia! do ghras gun airc, ’S na caidreadh m’ anam bron, Gun chaith gun fheum mo laith gu leir, Ann an-ghnās beus na h oig. LAOIDH XXXII. Air son feascar la Seachdain. I. THA la eil’ air dol seachad oirnn’, Gur coir dhuinn cliu do Dhia, A sheinn, air son a fhreasdail chaomh, ’S a ghrasa caoin gach iall. [TD 137] II. Mo leanb’achd chlaon chum sgrios is broin, Mo pheacaidh ’s mor gu beachd: Dhia toir dhamh maitheanas air sgāth, Do mhic, san la ri teachd. III. An ceidse bāsors’ coidleadh sios, Is dionsa mise Dhe! Biodh t aingle trid an dorchadais, Re faire orm gu rē. IV. Le aiteas druideam suas mo shūil, Is duisgeam ann dea’ chiall; ’S a mhadain mhoich re gairdeachas, Air son do ghraidh, a Dhia. LAOIDH XXXIII. Air son Madain la an Tighearna. I. SE so an la ann d’ eirich Criosd, Gu moch anios o mhairbh; Cia uime ’m bheil mo rosgaibh dūint, Ag caitheamh ’m ūin’ gun tairbh? II. ’S e so an la air na bhris Jos’, Neart ifrionn is a bhais; ’S an gradhaich mise peacadh mor, Is cuing mo leoin, am thraill? [TD 138] III. An dui’ gu subhach cruinicheamaid, ’Ta ainmicht’ air an Triath; Chum leubhadh fhocaill, mar a dh’aithn’, D’a phobull, graidh, o chian. IV. Chum flaitheas greasam, ’s leigim dhiom, Mo chluiche faoin gun fheum: Do’n la s’ ta beannaicht’, thugam gradh, Is fearr do’n t seachd gu leir. LAOIDH XXXIV. Air son feascar la an Tighearna. I. ’TA ’n coi-thional toirt adhraidh dhuit, Cia maiseil sud a Dhe! Maraon ag seinn nan Salmaibh binn, Air fonnaibh tiom le cheil. II. Na buaireadh mianna’ faoin gun stath, An la so as mo chuimhn’; ’S cosmhuil ri neamh an talamh, tha Do chliu air aird gach tuim. III. Triallam air an t slighe ghnāth, Chum slaint’, ann an dea’ ghne; Dion mī o mheanna’ olc na h oig, Is treoraich mi chum neamh. [TD 139] IV. [O] sgriobh do naomh-reachd air mo chroidh, [Is] teagaisg mi a Dhe: [N]o briseam t aitheanta ni ’s mo, [Si]n deonaich dhamh gu rē. V. [D]uisgeam, agus luigheam sios, [A] d’ ghradsa, Riogh nam feart; [A]ir sgāth nam feartaibh tha’m fuil Jos’, [D]ean mise dhion fuidh d’ bhrat. LAOIDH XXXV. Do leubhadh an Scuobtuir. I. DO scriobtur naomha dh’ fholum mi, A leubhadh sios gu mall; [S]eol mi chum urnuigh o do reachd, [’S] na leig air seachran cailt. II. [D]ean cosmhuil mi ri luchd dea’ ghniomh, [A] rodhnaich t fhirinn ghlan; [’S] le grasa’ t fhocaill ann ’s gach am, [A] ghabh os laimh bhi math. III. [Is] leosan seinnim moladh binn, [D]o t ainmse thriath nam feart; [Is] leosan caitheam m’ uin gu leir, [A]n ceimibh na naomh fhlath. [TD 140] IV. Is leosan bitheam ait gach la, Ann gairdeachas gach uair; Is leosan bitheam beo am feast, Ann teas-ghradh do naomh-shluaigh. V. O d’ ghrasaibh chi mi fada uam, Gur truaghan mi gun treoir; ’S nach aithnich mi a dhiobhail beachd, Ann fhirinn seach an go. VI. O tabhair dhamh do ghrasaibh saor, ’S nach claonainn o do reachd; Chum is gu deanainn mar is leir, Do thoilse Dhe gu beachd. VII. Is trid do neartsa triallaidh mi, A d’ ghniomhara le speis; Aithn’ gach ni ’s aill, ach toir dhamh grās, Is molam t ainmse, Dhe. LAOIDH. XXXVI. An adhaidb Diomhanais. I. CIA glic ata am beachann meanbh? Le geimneachd is le stuaim, Ag trusadh meala fea’ an la, As gach blāth ’s āille snuagh. [TD 141] II. Cia h eolach a thogas i stē, Gu seolt le cēir a suas? Ag tional ionmhuis measg an fheoir, Is loin air son an fhuachd. III. Gu surdoil, grundoil, saothraicheams’, Daonann mar i fein; Oir dhealbh an Diobhal olc o chian, Do’n diomhanach gun fheum. IV. Ann leubhadh slainteil ’s an dea’, ghnās, Do ghnāth biom seasmhach, buan; Chum is gu d’ thugainn suas faidheoidh, ’S gach lo, dea’ chuntas uam. LAOIDH XXXVII. I. IS leanabh mi, O Thighearna, Riogh! Gun ghliocas no gun treoir; Ach ’s urrainn thusa ’n toirt faraon, Do leanbaibh maoth is og. II. Chuigeasan, ma thig le d’ dheoin, Is doigh nach diult u ’n lag; Ata na dhuine is na Dhia; Ciod uime ’n cuiream ag? [TD 142] III. Do shoisgeul saor, tha aig gach dream, ’S gu h ainmichte do’n ōg; Do bhriathraibh dh’ fhag an ordamh blast, Cia taitneach caint do bheoil? IV. “O thigibh chugams’ anmaibh buairt, Le ciont is eagal sgith! Ar ’n uallach tilgibh orms’, is gheibh Le creidimh, fois is sith. V. Gu toileach lubaibh fui’ mo chuings’, Gach aon neach thugaibh geill; Is aithrisibh air ’m eiseimpleir, ’S mo theagasg chur an ceill. VI. Mo ghne’ ta iriosal is ciūin, ’S mo rūn ’ta seasmhach buan; Ar ’n anamaibh sgith, gheibh fois an gloir, Ma dh’ fholumas sibh uam. VII. Mo chuingsa geillidh dhuibh ’s gach ait Is teārnaidh sibh o thruaigh; ’S ea-trom do’n lag, ta glic na bhēus, Th’ air cēumnaibh a naomh-shluaigh.” VIII. Creidim t fhocal sior a Dhe, T’ oiffigin ’s eibhinn leam; Is bheiream cliu air son do ghrāis, A d’ ghradh toirt tairgse dhuinn. [TD 143] LAOIDH XXXVIII. I. THainig ar Slanai fhear san fheōil, Na naoighein ōg gun phris; [I]s dhoirt e fhuil, an t saoi gun ghō; ’S beag brōin a bha mun ghniomh. II. Air son leanban fann gun trōir, Chuaidh ’n t Uan a leōn gu goirt; ’S a thairneachadh ri crois an aird, Mar mhearlach truagh gun toirt. III. [?]o fuaran ioc-slaint fuil Mhic De, [?] ea-cail ni sinn glan; ’S o ’n pheacadh leanailteach ata, ’N ar ’n anama ’g ārach sal. IV. ’S beag tha do dh’ eolas agam ort, O Thighearna sa Riogh! Do’m theagasg cuir do Spiorad trāth, Mu’n ālaich mi ’n droch gniomh. V. [?] fhocal tha d’ar gairm gu leir Gu teachd fuidh d’ sgē, ’s bhi beo, [?]e m’anam thainig mise Riogh, ’S o chionta dion gach lo. VI. Mo nadur mūth, ’s mo chroidh as ūr, [?]i math cho’n urrainn ann; [TD 144] Tha’m lag, gidheadh tha ’m urras treun, O cuidich tuisleach fann. VII. A d’ neartsa mūth mo chursa Dhia, Is suithich annam grās; O gach droch gniomh dean glan mo chroidh[?] ’S o mhiannaibh miltich bais. VIII. Os tu ’m fhear coimhid, treoraich mi, Air seachran no leig beud; An t slighe shlanteil nochd dhamh trāth, Toirt graidh dhuit fea’ gach rē. IX. Fonn seirceil, iriosal is ciūin, Am chroidhe duisg asuas; Trid creididh suitheichim mo speis, A d’ Mhacsa Dhe nam buadh. LAOIDH XXXIX. I. CIOD uime thug mi speis gu baoth, Do shugradh faoin gun seigh? Gun chuimhn’ air ifrionn no air bās, No neamh an āghor blagh. II. ’Ta m’ eolas dol a mead gach la, ’S gun ghradh do d’ reachd a Riogh: Ciod uime fhuair mi tuigse riamh? ’S nach d’ iarr mi cur an gniomh. [TD 145] III. [?]ia diomhain m’ uile smuain gach lo? [?]ia fiathaich, gorrach beachd? [?]ia fann mo chroidhe, ’s lag mo chāil? [?]’ d’ ghradhsa ’s beag mo neart. IV. [?]oir orm gu cluinn mi guth na slāint, [?]’ d’ theampull ārd a Dhe; [?]un aom mo chroidh, ’s gu claon mo chluas, [?]e d’ luath-ghair fea’ gach rē. LAOIDH XL. Cia gearr laithe Mhic an Duine? I. MAR lead na boise, no fad rēis, No sgeula gairid gearr; [?]o laith marsin ag im’eachd uait, [?]un stad gu h uair a bhais. II. [?]’n taifid mar an t saighead luath, [?]’n bhotha ’s luaineich gleus; [?]o mar bhlāthan machrach ūr, [?]un sūgh air searg ri grein. III. [?]o mar bhotha-frois an la, [?]ar sgaile, no mar cheō; [?]o mar bhoisgeadh grein air fāir, [?]dealradh roi’ dhu’ neoil. IV. [?]r aonach mar na tuiltidh uisg, [?]un tuisleadh dol na leum; [TD 146] No mar cheathach air barr bheann, No cloch le gleann na reis. V. Mar bhruadar, no mar fhaileas gearr, No sgail’, no dubhar fann; No peileir tein’ air cuan no sgrib, Aris nach faicir ann. VI. Mar neoil na h oi’che dol nan gluais, Gu luath ’n uair thig an la, Dol seach, ach cait? cho’n aithnich mi, An raibh no’m bi ar tamh. VII. Mar osag, ach cia as? cho leir, Tha ’n t eug a’ teachd gu luath: Ullmhaich, is bi deas gach la Mun glac u bas is uaigh. LAOIDH XLI. I. ’N Tra’ chi mi uile mhaitheas De, Gach re g’am chumail suas; Ann io’nadh, gradh, is cliu ata m’, Ann gairdeachas do’ luadh. II. Ann teas-ghradh comhraidh, cia mar the[?] A chur an ceill, mo thaing? ’Ta lasadh ann mo chroidhe Dhe, Ach ’s urr’ u leubhadh ann. [TD 147] III. Do fhreasdal caomhsa chum mi suas, Gun easbhuidh uair, no di; ’N tra’ luigh mi tostach ann sa bhroinn, Gun soillsa no mio-ghniomh. IV. Re ’m uile ghearan fann, ’s mo ghlaodh, Le trocair chlaon do chluas; Seadh, mun do thūr mo smuaintidh faoin, Dhuit adhradh a thoirt suas. V. Re ’m anam bhuilich u gach la, Gun aireamh, solas mor; Mun d’ fhiosraich mi, cia, no co uaith O’n d’ fhuair mi mhaitheas, og. VI. Ann slighe thuisleach bhaoth no h oig, Do threoraich u mo cheum; Is chum do lamh nach meat mi slan, Suas gus an d’ fhas mi treun: VII. Trid cunnthart folaicht’, ’s obair bais, ’S gach gābhadh air bheag cēill; ’S trid liontaibh ionmhuinneach an uilc, Rinn sluīc nan rathad rē. VIII. An tra’ chlaoidh tinnis mi gun lūth, Sgeudaich mo ghnūis le slaint; Shluig bron is peacadh m’ anam suas, Ach nuadhaich u dhamh grās. [TD 148] IX. Le maitheas saoghalt’ lion u Dhia, Gu fial mo chupan lan: ’S mar charaid treimh-dhireach, ro-chaomh, Dhublaich mo mhaoin, gach lā. X. Deich mile mhiltibh tiodhlac maith, Fhuair mise ’mach a d’ stor; Mor bhuidheachas do Riogh nan sluagh, ’Ta fuasgladh orm gach lo. XI. Trid gach ceann aimsir fea’ mo la, Cuiream do ghras an ceill; ’S an t saoghal thall, an deidh mo bhais, Seinneam gu h ard an sgeul. XII. ’N tra’ theirgeas nadur, oi’ch is la, ’S do ghniomh nach gearr, ni ’s mo, Mo chroidhe taingeil, bheir O Dhe! Dhuit adhradh mar is coir. XIII. Gu siorruidh suthainn, dhuitse Dhe, Gu h aoibhneach seinneam duan; Oir O! ’ta siorruidheachd ro ghearr, Chum t uile chluidhse luadh. CRIOCH.