[DA 1] ORAIN GHAIDHEALACH, AGUS BHEARLA AIR AN EADAR-THEANGACHA. [DA 2] ENTERED IN Stationer’s Hall. [DA 3] ORAIN GHAIDHEALACH, AGUS BEARLA AIR AN EADAR-THEANGACHA LE COINNEACH MAC’COINNICH, ANN AN CAISTEAL-AN-LEA’UIR FAISG AIR INERNIS. CLO-BHUAILT’ ANN DUNEADAINN. AIR SON AN UGHDAIR. 1792. [PRICE, THREE SHILLINGS] [DA 4] [Blank] [DA 5] TO THE RIGHT HONOURABLE DAVID STEWART ERSKINE, EARL OF BUCHAN. MY LORD, YOUR well-known regard for the Antiquities of your Country, and the encouragement you have always shown to any attempt for reviving the ancient Gaelic Language, have induced me to prefix your Lordship’s name to the following Gaelic Songs, assuring myself, that very many will be stimulated to peruse any thing that meets with The EARL of BUCHAN’S appropation. I will not attempt a panegyric on your Lordship’s character, for the many virtues that are so conspicuous to all who are so hap- [DA 6] py as to participate your friendship, knowing that any thing I could say on that subject would come far short of the truth. That your Lordship may live long an Ornament to your Country, and the Friend of every Bard, who may strive to do any thing that shall attract the notice of men of worth, for reviving the Scots Gaelic, is the present wish of, MY LORD, Your Lordship’s Most devoted, Most obliged AND Most humble Servant, KENNETH MACKENZIE. [DA 7] AN CLAR INNSEACHD. TAOBH. MOLADH na Gailic, 1 Tuire na Gailic, 4 Ath-leasacha na Gailic, 6 Oran do na Chath-bhuithinn Rioghail Ghai’leach, 10 Oran do na Chath bhuithinn cheudna, 15 Oran don Nighean Dubh, 18 Cumha’ do dh’ Aongus Mac’Illebraigh, 22 Comhairle do na Caileagan, 25 Oran don Taileir, 26 Oran do dh’fhear-Chuldaothall, 30 Oran don Fhreiceadad dubh, 34 Oran do Choirneal Mac’Phearson, 37 Oran Gaoil, 43 Durachd a Bhaird do dh’og Nighinn uasail, 46 Oran do Phaidric Urachatan, 47 Oran Mhic’Cullach, 51 Oran don Iarla Thuathach, 59 Oran do Duic Earr-Ghae’al, 66 Mairearad Mholach mhin, 69 Oran do dh’fhearr nan Earrachd, 73 Rann o chainnt Chaiptein Mhic-Gui’ne 77 [DA 8] TAOBH Oran do dh’Uilleam Mac’Illebraigh, 79 Beannacha Baird do dh’fhear Choire-mhonai’, 82 Rann do chru, 83 Moladh Caileagan an taobh tuath, 84 Oran do na Caoraich mhoire, 88 Luinneag do’n eididh Ghae’leach, 93 Beannacha Baird do dh’fhear Cheluaini, 97 Oran do Chaiptein Shau, 98 Cumh’n Toobh Tuath, 103 Mar bu mhath leam bean mhath, 110 Oran Comh-stri, 112 A Mhisg, 111 Ioram Sugraidh, 117 Muiler masach, 121 Oran do’n Taileir’s do na h-osanan, 122 Oran do’n Luing’s da dh’fear obair chuain, 125 Oran do Ghillean Mhaoi’linn, 141 Oran do dh’Uilleam Loban’s do na Chrith, 144 Oran do Theaglach Choire-mhonai’, 149 Oran do Mhac-Cullach ’s don Aisling, 155 Rann air Tiom, 161 Comhairl’ araidh, 164 Oran do na bhas, 166 Luinneag don Luing, 170 Aoire do dh’ Alastar Mac-Antoisich, 174 Comhairle do ghill og, 182 Oran do MhacLeoid na h Earadh, 186 [DA 9] TAOBH Oran don Trubhais, is do na Caileagan, 191 Oran do dh’ogradh neo-Dhleasnach, 196 Comhairle mhath, 203 Oran air Turas don Taobh, tuabh 204 Oran do Sgian, 208 Oran do Bhrogan, 212 Oran Gearan air Cairdean, 218 The Banks of the Dee, 222 Karharine Ogie, 230 Bonny Peggy, 236 My Wish, 240 [DA 10-11] [Blank] [DA 12] BIDH sinn ar ’n armachd gu siubhal garbh bheinn, Le eididh Albanach, fhèileadh cruinn Bonaid balla-bhreac is cruinne faircheal ’S cota meanbh-bhas, thig dealbhach dhuinn Osan gearra-bhac, brog iallach bharra-fhraoich Ochd Shliosach calbhar on tarbhuich suim Beodag bharra-gheur, gu claiseaoh geala-shlios Cul-tiubh, ceanna-chnu, cas charuichte ghrinn. [TD 1] ORAIN GHAIDHEALACH. Moladh na Gailic. MO rùn a Ghàilic tha i làider diàn, Glan ma h-àirn’ean càirdeil ann na triall, Meangach àilte ’s i nach araich fiamh, ’S uaill na’n Gàidheal ann sa Ghâilic riamh. Stric a dhearbh i mo’s searbh ’na gnìomh, ’Nuair bha i fàs ’s blà a teachd o freamh, A nis o ’n thà i faigheinn àrd ’a miagh. Sean a Ghàilic ge ’r an d’fhàs i liath. [TD 2] Tha i làn do gibhtean nàduir pailt ’S tha feartan gràidh cuir àilteachd air a pears, Tha cruadal dlùth dhi ann sgach cuis is neart, ’S ga tearc a càirdean ’s i nach fàillnich beachd. ’Nuair ghabh iad am gu ceànn a chuir sa phochd, ’S leointe a dh’fhàg iad i mar thràill gun toirt, ’Struagh nach tàrainn plàsta chuir ri lot, ’S fuath le càch i o’n a dh’fhàs i bochd; ’S mairg a dh’ fhàgadh i mar thraill gun luaigh, Sa liuthad treun-fhear agus laoch thug buaigh, Le neart na Gàilic chuireadh càch san ruaig, An am dhi èiridh ’s i fo’ èileadh cuaich. ’S i labhair Brènus gaisgeach treun le smachd A bhuail an Roimh ’sa phill a sròin a steach, Mac’ Mhars mòr an dia bu deoin le feachd, ’S bha buaigh na Gàilic fuaighte ghna na bheachd. ’S i bh’ aig na Fianna ’s lion i iad le h-eud, ’S thug Oifian fian’ais orr le ghniomhra’ fèin, Bu mheadhrach Gailic o bheul na’n sàr fhear treun, Saoidh d’am b’àrraidh Gailic chuir a’n geill. B’ùr glan neo-thruaillidh i na dual a’fàs, O Shean gur cìnnteach finn gur i a b’ fhearr, [TD 3] San Airc aig Nòab ’s i bu chòmhradh dha, ’S i air a caomhnadh ’nuair bha ’n saoghal bàit. Bu teuma Gailic o bheul Abel pailt, Eubh is Adhamh bu phailt Gailic achd, O nach lèir dhomh fèin a dhol ni ’s faisg, Air aois na Gàilic dh’fhaillnich air mo bheachd. Spainish, Fraingeis, ’s Eideilt chàinnt a thriall, O ’n Laideinn dh’fàs iad, ’s gheibh iad bás gun bhiadh, Ach stoc na Gàilic mathair chàich gu leir, Cha toir i táing do chàinnt tha fo’ na ghrein. Am Parnasas b’fhearr gu ’n deanta m’ fhàgail ann ’S cumhachd bardachd cèangailte mu ’m cheann, ’S naoi’ner ghruagach leis nach b’fhuath mo chàinnt. ’S na maireadh Gàilic ’s mi gu ’n caireadh ránn. [TD 4] Tuirie na Gàilic. ’NAN deanadh sibh nise rium èisdeachd, Dh’ innsinn Sgeulachd air a Ghàilic, Mar fhuair i cuaradh sa milleadh, Sa gluasad o ionad àrda: Bha i ri linn Righ Seumas, Gu misneachail treubhach càilear, Ach fhuair an Donas a thoil fhèin di, ’Nuair a dh’èirich i le T——h. Chaidh a geugan a ghearradh ’sa bhriseadh, ’S chaidh ’n stoc a shliseadh le tàluibh, A chàirt ’s an snomhach chuir iad sguab orr’, ’S chaidh fagail mar uan gun mhàthair, Sa dh’ aindeoin na rinn luchd fuath orr’, Lean i re buaghan gràdhach, Cha robh fèith na corp gun ghluasad, ’S lìon’ar buille fhuair a Ghàilic. [TD 5] Bha i gu muladach gruamach, Sa cnamhan co’ cruaigh re scàirnich, ’S gach aon neach a reachadh seachad, Bhiodh e seach’nadh na Gàilic, Bha naimhdean gu pailt mun cuairt di, Ga creacha ’s ga ruagadh gu ’n àilghios, ’S dh’ fhàg iad i gu cruaidh na h-èigein, Mar dhiol-deirc nach faigheadh fardach. Rinn iad a lot sa crèachdadh, ’S bha coslas a ’n èig a fas orr’, ’S threig a beoghalas sa sùnnt i, ’S tric a g’ iuntrain na dh’ fhag i, Thug iad dhi a h-èideadh chruaghach, ’S clogaid na ’m buagh cha d’fhag iad; Sa sgiath bhreac-bhallach dhìonach, ’S tric a dhìon i o namhaid: Thug iad a gearr èile’ cuaich dhi, Eideadh ghuanach na’m fuar ard-bheann, Thug iad a h-armachd gu lèir dhi, ’S b’ aobhar truais gun bhreug a Ghailic, ’S i gun neach e bheireadh sùil orr’, Mar chlosaich air chùl-thaobh gàraidh, Tèas an la toirt a lùth’s uaip’, ’S i fad as air chùl a cairdean. [TD 6] Chaidh ’n cadal air falbh o sùilean ’S dealt na h-òi’che thùch è bragad, Greis air ocras ’s greis air phathadh, ’S i aitheiseach mar nach b’àbhaist. Ath-Leasachadh na Gàilic. SLAN iomradh le failt is furan, Do ’n chuideachd urramach dhàicheil, A tha ’n Lunnuin sa ’n Dun’eidean, Toirt fasgaidh fo’n sgèith don Ghàilic. Agus maroan ann a Glasgho’, Tha daoine ghabh tlachd don Gàilic, A tha le braon agus dealta Ga h-urachadh air alt ’s gu ’m fàs i. Fhuair iad leoint i gun èadach, ’S dh’fhag a naimhdean maol gun bhàrr i: Fhuair iad aineolach gun chaoin i ’S iomadh car claon sa Ghàilic, [TD 7] Le ceannardachd agus sèoltachd, ’S ullamh dèonach a bha ’n càirdeas, Ghlan iad a h-uile chrèachdan, Ciuin foighidneach gun bheud don Ghàilic. Bha i iomadh la ’an cunnart, Nach tigeadh i tuille gu slàinte, Ach bha ’m freasdal caomh mun cuairt, Don chuideachd uasail a ghabh bàigh dhi, Chraobh-sgaoil iad èolas a ’n t soisgeil Le foghlum foirfe san fhoirm Ghailic, Le muinghin òirdheirc ’s le deoin shoc’rach Trèibh-dhireach ùr le rùn pàirteach. Toirbheartas a chomuinn dhìleas, ’S do-ìnnse le fior nàduir, Slionar beannachd a tha sìnte, Re cuideachd dhìleas na Gàilic: Cridheachan tlà na ’n daoin’ uaisle, Chum fastalach suas a Ghàilic, ’S cinnteach nach uireasbhuidh duais dhoibh, Far a ’m buan a ’m bi iad Sàbhailt. Ach a nis on tha i ceudach, ’S math leam fèin gu ’n d’fhuair i slàinte, A stoc sa meanganan le chèile, ’S iad a g’èiridh mar a b’ àbhaist, [TD 8] Gach duilleag a thuiteas o geuguibh, ’Naite gach tè èiridh dhà ann ’S fàsaidh i gu dòsrach leathain, Mar chraobh na beatha’ sa ghàradh. Slìonar focal a tha muiteil, ’S fear eile gun uchdach lamh ris, Tuitidh fear tha n aird a chirein, ’S èiridh ’m fear tha crion a ’n àirde: Tha i criosluight mun cuairt d’a muineal, Le feartuibh bunaiteach lànmhor, ’S a neul ceothaich bheir a h-uachdar, Chaidh fhuadachadh gu bràth uaip, ’S i ’na cùspair do dheagh bheusuibh, Air a sgeadachadh le fàilte, ’Na ceann uighe do dheagh ghiulan, ’S i na cruit chiuil do nàdair, Tha i domhainn gun ghrunnd ’s i farsaing, ’S meagh’rach cais’meachd na Gàilic, Dàingnicht tòinnte le deagh chàitein, ’S air son dòrn cha ’n fhaighte pàg uaip. ’S fios’rach ’na gibhtean ’s geur i, Tha sgollta-beart le cèill sa Ghàilic, Eanchiunneach, gruuntar gun èacoir, Am fàd sa ’n goirid ’s leur do ’n Ghàilic, [TD 9] An èiseamail cainnt cha d’ thèid i ’S gach cainnt eile feumaidh pàirt dhi, Slionar canmhain uaip a dh’èirich, ’S teangaidh ghleust o sgeith na Gàilic. Cha ghabh i ’n iasad o h-aon diu, ’S i bar-sgaoilteach, maraon pàirteach, ’S air a mheud ’s gu ’n toir i seachad, Bithidh a h-ionmhus co pailt sa bhà è, Seanachas gun chrioch a dhol geur, Air eachdraidheach èiridh na Gàilic, Mun d’fhuair Adhamh lamh ris cèile, Bu shìubhlach o bheul a Ghàilic. Gabh tlachd ann sa Ghàilic, ’s tha buaidhen na nàduir A dh’innseas do chàil ann sa ’n dàn nach bu leur dhuit; ’Nuair bhios i na slainte, cha ’n fhulaing i tàimailt, Oir bhuinnig a dànachd air càn’ain na h-Eirinn. [TD 10] Oran do ’n Chath-Bhuithinn Rioghail Ghai’leach air dhoibh teachd dhachaidh a America 42nd Regt. Royal Highlanders. Air fonn, Deoch slaint a’n Earla-Thuathaich sin, A thriall an de air chuantuibh uainn. I. DEOCH slaint na gillean b’aite leam, D’a ’math thig bonaid bhreachd-bhallach, ’S ibht an eoin cuir lea-trom orr’, ’S osan gearr fo’m breachdanan, Fir chuannta chruaidh neo-airtealach, Thàir chuaintean fhuair, iad ceartacha, Si fèileadh cuaich bu chleachdach Lèis na fir nach tais ’an tòir, Si fèileadh cuaich, &c. [TD 11] II. A chath-bhuithinn Rioghail threun-theasach, ’N da-dh’fhichead sa dhà dh’ èighte dhiu, Fir cholgail bharra-ghast èatrom Theid garbh fo’n airm neo-èisleineach; Cha b’ aithne dhomh co dheireadh riu, Na thairneadh stràbh roimh ’m feusagan, ’S nach beo an deicheamh Legion, A bh’aig Sesear an sa ’n Roimh. III. Mo run na fiurain acuinneach, Da ’n iul na stuic-bheann stachdanach, Cha chuar a ’m fuachd na t ocras iad, ’S bu dual doibh cruadal baitealach, Tha’n uaill sa ’n eididh las-bheanach, Tha ’n saorsainn mar chrànn-brataich dhoibh ’S tha Ghàilic achd mar strol. IV. Na Gaidheil rioghail Albannach, Gur cliu do ’n tìr a dhearbainn ast, A ’m Fontanoi ’s dearbhta dhuinn, Gun sheas iad dìleas ainmeineach, Gu sgairteil, sgaiteach, feara-bhuilleach, Cuir as doibh pailt gun leanabaidheachd, Le lanna glasa ceanna-bheartach, ’S bha cuirp gun uchdach seanachais! Le garbh neart a mhàrbh na seoid. [TD 12] V. Co fad sa mhaireas Breatanach, Bi’ dh clìu orr ann a ’n èachraidheachd, O lìnn gu lìnn le taitneachas, A’ cuir ’an geill a ’n tapachais, A ’n Tiganderoga b’ acuinneach; A gearradh chìnn o chraitichean. ’S cuir Fraingich as a ’m batraidhean: ’S ga cuir nan teann ruidh staipleumach, Mar ghaoth a’ sgapadh ceò. VI. Ann a Gadalup bu chruadalach, Na fir thug dhachaidh ’n dualachas, Gu beachdail, reachdail suaicheantach, Gu dileas fìor-ghlan uasalach; Nach d’ theid a ’mach neo-chruadalach, ’An comhrag cath nuair ghluaiseadh iad, Gu duineil, guineach, luath-bhuilleach, Bhiodh cinn ga’n cuir bharr ghuaillibh, Aig fìr ghast ga’n sguabadh leo. VII. ’S Havannadh ’s treun a chuireadh iad, Gu feumail, eatrom, fulasgach; Culbhair reidh is cunnarach, Le crios air sge na h-uile fir, Gun sgà ’an gàbhadh cunnartach; Deagh chàil air làrach chumasgaich, [TD 13] ’S bhiodh nàimhdean fànn sa’n d’onnaluich, ’S iad ann am fàng le builleachas, Nach racha’ don Spàinn air turasachd, Le’n cuir a dh’ìnnse sgeoil. VIII. ’N America gu ’m b’ àraidh iad, Gun dealachadh ri ’n àbhaisteachd, Bha eireachdas ’s buaigh làrach orr’, Gu guineach, teineach, sàr-bhuilleach, Gu lasrach, sradach, tàirneineach. Le luaigh is fùdar gràineanach Cuir Innseinich air àireachas. Màr chùire’ grian le làthaireachd, An dealt do bharr a’n fheoir. IX. Nam dol a mach air reidh-leineachd, Gu lannach, gunnach. beigneideach, Cha philleadh cunnart, streupanach, ’An iomairteas ’n uair, dh’eireadh iad, Bhiodh Strachdaireachd air reubalaich. Do thruir mu’n fhear cha gheilleadh iad, ’Nuair theannadh iad ri steiceireachd, Fo’n àirm gu càlma dearrsanach, Mar ghrein a tionnta neoil. X. Nan d’thugta còmhrag Fèinne dhoibh, Lann thana ’s targaid sgeith-bhallach, [TD 14] Bhiodh farum aig na sleibhtean, Do chruaigh bhuillean na speal-geur-roinneach, ’S mac’ talla nam beann èiteanach, Toirt ’èaral doibh gu h-eudmhorachd, ’S cha dìobradh iad an Greumach, Fhad sa mhaireadh fèith dhiu bèo; XI. Tha’m freasdal buan mar thaice dhoibh, Ga’n cumail suas gu fàstalach, Thug Mars cluais do’n àth-chuinge, ’S tha ’n èididh fèin mar bhata dhoibh, ’S tha ’n saorsainn mar sgiath àchlais, ’S thug nàduir dànachd fharsuing doibh, ’S tha Ghàilic mar bu chleachda dhi, Cuir feartan ann nam feoil. XII. Slan iomradh do na diùlannuich, On thainig iad gu’n dùchasachd, ’S gu’n d’fhuair iad ceannard cùramach, Sir Eachinn mòr na fiùghantachd, O thriath na falla Fùlaisich, O stoc na meangan ùr-mhaiseach, ’S ceann uigh na’m fear luaigheinteach, Tigh Nua’mhar ’sam biodh ceoil. [TD 15] Oran do na Chath-Bhuithinn Cheudna. Air fonn, “I’ll follow the lad with the white cockade.” I. Mo rùn do na gillean, a philleadh an tòir, Gun churam ’an cunnart, cruaidh curannt gu leoir, Tha ’n aigne’ein dìleas ’s iad rìoghail gun leoin, ’S cha biodh iad air dèireadh ’an aireachdas slòigh Tha cridheachan èatrom fo’ sgè nam fear òg, Mar eoin o na slèibhtean a g-èiridh ’s na neoil, Tha misneach a g-èiridh, o na dh’eug ’s tha bèo, Gun di-chuimhn air Brènnus* chuir sèid ris a’n Ròimh; * Brennus, General of the Gauls, who burned Rome 300 years after it was built. [TD 16] II. Fhuair iad mar dhìleab, o ’n sìnnsir ’s cha ghànn, Bhi grad-charach èalamh nam tarraing na’n lànn, An onair sa’n eididh le cleile san cainnt, Co dìleas da’m pòr sa tha’n cròc re mo cheann; Thug nàduir mar gibht doibh cruaidh mhisneach nach fann Fo’bhreachdan a’n èilidh gearr èididh na’m beann, Reidh chulbhair gun bhriseadh ochd-shlisneach gun fheall, Dan geille le farum mac’ talla na’n càrn. III. Na fir a tha tàpaidh, ’s na gaisgich tha treun, Ann an ònair an dùcha’ cha diulta iad feum, Bithidh pioban ga’n spealadh le calanail rèidh, ’S bith meoiren ri gearradh cruaidh charan nan leum ’Nuair shìneadh iad cùmannt air builleachas streup, Cruaidh-bheumnach deagh mhùlad gach buille gu feum. Bithidh naimhdean nan càiteis gan strachdadh gu feur, ’S gur còimeas dhoibh nise fir-chlis ann san speur. IV. Gur coimeas dhoibh ’n darach cruaidh fàllain gun bheud, Na seoid tha co tàiris ri dealra don grèin, ’Nuair thèid iad nan cabhaig bidh ’n anail co rè, Ri fiagh ann sa bhealach ’s cuth sgalach na dhèigh; [TD 17] ’Nuair theid iad an òrdudh, gu comhrag nan spèic, Mar ònfhadh na mara nam spealadh nan ceud, An àicheadh gu cruadal cha chuala mi fèin, ’S cha ’neil air an talamh ’s nach mairainn a’n Fhèinn. V. Sann an Glasghu nan aoigh, tha na suinn nach ’eil ba’, Og ghallanan fìonalt o ’n ìreadh gun tàir Cha chraobhan a chrìon air a’n spìona o chàch, Ach meanganan ùra ’s iad sugh’ar gu’m barr; Na geugan is coltuich ùr dosrach fo’ bhla’, O ’n stoc a tha uasal lan buaghana gràidh, Gaidheil nam fhuar bheann, nach suarach ri ràdh, An onair sa’n èididh, cha treig iad gu bràth. [TD 18] An Nighhean dubh. AN LUINNEAG. Thorann o èile, ’s na h-iriri èile. Thorann ò ’s na h ò eile Gur mor mo spèis don nighean dubh. I. STRUAGH nach ’eil mi air m’ fhàgail, ’S mo leannan ’sa ’n fhàsach, Far nach fhaicinn mo chàirdean, Tha toir tàrr don nighean dubh. Thorrann ò éile, &c. [TD 19] II. An sleibh ghleannach gun chònlach, ’S air mùllach nam bèanntan, Ghleidhinn aran do m’ànnsachd, Gè’d tha’n ceann orra dùbh. Thorrann ò èile, &c. III. Dheanainn cur agus buain dhi, ’S bheirinn tùras air chuantan; ’S cha bhiodh uireasbhuidh uair orr’, Ge’d tha cuailean co dubh; IV. Dheanainn treabhadh ri òidhre, ’S dheanainn cur an sa ’n òi’che, ’S dheannainn mire ri màighdinn, ’S chuirinn dàimein air tnumph; V. Tha mo chàirdean mi-rianail, Ag radh gu ’m bheil sìan orm, Na can bìd ris an ìan Gus an d’thig an t-ìan as an ubh. VI. Ga suarach aig càch i. Tha uaisle ’na nàduir: Tha suairceas na gàra, Ge’d tha’m bàrr orra dubh. [TD 20] VII. Thug nàduir dhi gliocas, Mar gheàrd air a tuigse, ’S i làn do dheagh ghibhtean, ’Sa cheànn nach mist a bhi dubh. VIII. Caol mhaladh is bòi’che, Suil chorrach is mòthair, Gruaidh dhearg mar na ròsan, Falt gun lèon is e dubh. IX. Ciochan corrach is mìne, Air uchd solais na rìbhinn Deud gheal mar an ìobhraidh, Sa bheul o an bìnn o’n d’thig guth, X. O gualain gu h-òrdaig, Fhuair urram bhan òga, Glac thana caol meoirean, Sa gàirdean fèola co tuigh. XI. ’S math thig stàigheis le faomadh, Air a bhòthaig is gaolaich, ’S gur gil i fo’ h-àodach, Na chuid is caoine do’n ghruth. [TD 21] XII. Cruinn càlpa na gruagaich, Gun dochair mu’n cuairt di, Tròidh chuimeìr ’s i cuannta, Nach cuir cuagach brog dhubh. XIII. Gnuis is áillidh ri shireadh, Ciùin tlà ann ’na h-iomairt, ’S le snathaid ni i grinneis, Nach dèanadh iomadh tè dhubh. XIV. Ge’d a tha i gun stòras Tha tàitneas ’na comhradh, Bànnsa furan a pòige, Nan te gan leoim a cuid cruigh: XV. Ach na biodh i rìarach, Air fuireach seachd blìadhna, Cheannuichean brèid di gun iarraidh Mam biodh a sèath dhiu air ruidh: XVI. Dheanainn sud ’s cha bu nèonach, Do dhuisge phuill mhòine, Air a slainte gu dèonach, Gur mise dh’òla don t-struth. [TD 22] * Mar sheud òir ann an sròin muice, Tha bean bhòidheach, gun leòir tuigse. * Prov. ch. 11. v. 22. Cumhadh do dh’ Aonghus Mac’ Ille’braigh a bha na Bhroc-fhear ann a Srath-Eirean. Air fonn, Coir Iaraidh. I, SE leon mo mhàrran ’sa lughdaich m’àilleas, Mo smuaintein bà’ ort a ghnà co tric, A Sior dam phìanadh, a dol na ’s lionar, Sgur tric ’nam fhìanais, do ghniomhradh glic: Tha ’n cadal faoin domh, gun fhurast fhaotainn, ’S ge’d fhaic mi daoine, cha ’n fhailltich mis, Thuit stoc mo dhòchais, ’s nach maireann beo thu, Tha fath mo bhròin ann an crò fo’ lic. [TD 23] I. Be sgeula chruadail, sa d’fhàg fo’ ghruaim mi, Nuair thog iad suas thu, air guaillean sheoid, Gur lìonar gruagach a bha ’sa ’n uair sin, Gu galach trom-chriodhach ’s iad fo’ bhròn; Bu lionar deurach iad fèadh shrath-Eirean, ’S iad cumhach, àislineach, air gach sèol, A’ caoidh na thrèig iad, ’s nach dean è feum dhoibh, ’S gun spùinn an t-eug iad do dh’ Aonghus òg. III. Tha do phearuichean leointe brònach, ’S do mhàthair ’s mòr orr’, gu bheil i ceart, Do bhràthair gearanach, ’s è gun sòlas, As Aonghus òg gun bhi bèo na thaic; Gallan fìor ghast, o’n fhìor-fhuil stoilte, Bràighich mhòralach Dhun-macglais, Se mhuch mo chòmhradh sa mheudaich bròn domh, Aonghus òg bhi fo’ fhòdaibh glas. IV. ’An Dail-fhearguis dh’fhàg’ sinn ann beul a mhànrain Geug ùr nach d’fhas air chul gàradh lios Gallan àraidh, o mheadhon fàs-choil, O bhun gu bàrr, a bha lan do mheas, Gur e do chàramh sa chiste chlàruidh, A chlaoidh do chàirdean, ’sa shàruich mis, Gach neach sè ’s càil doibh, nach fuigh iad taicheadh, ’S gur mòr a bhearn tha ri chàramh nis. [TD 24] V. ’Slionar cùis, ann ’s a’n dean iad t-iuntrain, Bu tla do shùgradh, ’s tu ciuin gun lochd, Cruaidh fearail làidir, gu seasamh làraich, ’S bu mhòr do chàirdeas ri daone bochd: ’S bu chinnteach paighte, na bheireadh tair dhuit, ’S cha be tàbhaisteachd bhi gun toirt, Fiuran càlma nam shiubhal ghàrbh-ghlaichd, Fo’ bhreachdan bàlla-bhreachd is t-àrmachd ort. VI. Gur lionar ruagh-bhiast, a rinn thu ruagadh, Sè ni nach b’fhuath leat an cuir gu bàs; Bu tric a ghluais thu le loghainn chuannta’, ’S do ghillean uaimhreach a’m bun do shail, ’S on rinn an t-eug do thoirt uainn air chèili Co fad ’sa ’s lèir dhomh se sgeula b’fhearr: Am freastal chòmhnacha’ leinn ’s gar sèoladh, ’S do bràthair Dòmhnall a bhi a’ t-àit. VII. Measg ceathairnn dùcha, bha meas a’s clìu dhuit, ’S bha teànchain tùrail gu sgolta-beairt, ’S bu tearc ri àireamh aon neach thug bàrr ort, Ba gibhtean nàduir gle làn a d’ bheachd: Bha màis is àilteachd gun chiurram fâs ort Am frì nan àrd-bheann gu’m b’àraidh leat, Gunna gleust agus coin air èill, ’S gu ’m biodh ùdlaich cèir-gheal as éilid glàct’. [TD 25] VIII. Cha’n faic’eir faoilte, ’s be’n t-aobhar saoineis, T-aitreamh aonranach, faoin ’nar beachd, Tha’n Tulaich bhòidheach, a nise brònach, Sa neart air fogradh, sa cridhe sracht, Do bhàile ceutach, bha lan do dh’ èibhneas, Gu cumhach, àisleineach, slèir gur ceart, Mar bhàntraich ’s faoin è an diugh as t-eug’ais, ’S thug nìal an aoig è gu caochladh dreach. Comhairle do na Caileagan, A CHAILEAGAN na tire, Bithidh cinnteach gu brath, ’S na d’thugaidh speis le goraich, Do dh’ogaireach Baird. Ged’ dheanadh è dhuibh oran, Is rann a chuir an ordudh, Cha bhi bonn na phoca’, Nach ol è ’s tigh thairnn. [TD 26] ORAN don Taileir air bhi dba dol a mach, sa mhoch mhàidin ris a bhèinn a shealg air na fèigh, ’se fhuair è lorg na moidhich, agus shaoil lèis gur è lorg an t-sionnaich a bh’ànn agus a’nuair a thàinig è dhachaidh chaidh faothaid a mach. Air fonn, Tha mi fo’ liunn dubh ’s fo’ bhròn, Sa chaoi’ rìm bhèo bi’dh mise mar sin. I. MOCH sa mhaidin dol nar ’n èididh, Fhuair sinn sgeula cabhagach, ’S chuir sud uile sinn air sèol, Gu dhol a choir nam bealuichean, Thuirt am Brochdair is è g-èiridh, ’S mi-chèillidh am balaoch è, Lorg a chait a’m bun na grìosaich, Se bu mhìann le Alastair. [TD 27] II. ’Nuair thàinig sinn air ar n’ ais gu lèir, A nunn th’air Eire rachamaid, Dh’èigh sinn botal chum ar feum, Mu’n gèilleamaid san astar ùd, ’Nuair chùnnaic sinn an àbhuinn uainn, Cha robh ’s taobh tuath na rachadh i, ’S dìombach a bha sinn sa ’n àm, Air taileir fann na spadaireachd. III. Chualas man ghiomanach threun, Chàidh ris a bhèinn ’sa chamhanuich, Shiubhail è mullach lèis fhein, ’S cha d’thug na Fèigh an aire dha, Cha ro còileach na cearc fhraoich, A dh’ fhaodadh tighinn air bearradh ris, ’S ghabh na gèarran an ra-treat, San Donas tè a dh’fhanadh dhiu. IV. B’fhearr dha fuireach am bun na luatha, A fuaitheal mar bu chùidhe dha, Ma dol a ’mach ri aonach buan, ’S nach d’thug e nuas a t-siothann leis, Ach on a bha fàile dàit; Do’n tàil’eir rinn è mhi-shealbh, B’ fhearr leo uile bhi bàit, Na tàmh ris ’s nach bu dlighe dhoibh. [TD 28] V. ’Nuaìr thàinig am fleasgach le stàirn, Le neart na spàirn bha fàllas air, ’S dh’innis è sa bhail ud shuas. A ’madadh ruagh gu’n d’fhairich è, Gu’n ro e ann ’ na fheagan àrd, ’S gur ann a dh’fhag e’m falach è, Se suilean muic a bh’ ann an cèann, An àmhlair thug an car asainn. VI. Sud mar thuirt an coileach fraoich, A dhaoine b’olc an araidh sud, An taileir a dhol dachaidh faoin, ’S na rinn è shaothair àllabail. Shiubhail è le ghunna gleust. ’S bha eoin a’n t-shlèibh fànoid air, ’S aig fheobhas sa thogas è lòrg, ’S mor tha chòlg na dallaig air. VII. Sud mar thuirt a madadh ruagh, Gun bhuaigh air fear na gùnnaireachd, Ma bhios mise ann am shlàint, Gu ’m pàidh mi an na thuras è, Cha bhi coileach air an spàrr, Nach faigh am bàs m’as urrainn mi, Gròigein òdhar an droch caoin, Thèid naoi’near gu h-aon duine dheth; [TD 29] VIII. Cha dean an taileir fhad sa’s beo è, Feum a choir nam firichean, ’S on a dh’ aoire mada ruagh è, ’S duallach dha nach cìnnich è, ’S on a dh’inn’s è sgeula fuadain, Chuir è fuath a chinnidh ris, ’S b’fhearr dha’n t-snàthad a bhi ’na thòin, Na’n dochas lèis a’n d’imich è. [TD 30] ORAN do Chaptain Seumas Friosal Chuldaothall. Air fonn, Gillean a’n fhèilidh. (Composed in the year 1791.) AN LUINNEAG. Togamaid fònn ’s neo thròm gu ’n togainn, Togamaid fònn le furan gun èislean, Togamaid sònn ’s neo-thròm gun togainn. I. MO rùn air a Chàibtein, a thàinig air àstar, Gu tigh mòr a phàilteis, lan tlàchd agus èibhneis, Slàn ìomradh gu bràth, do’n duin’ uasal’s àilte, Nach d’fhuirich ach gèarr. a cuir fàilt air Duneadainn. Togamaid fònn, &c. [TD 31] II. Gur tlachd dhuit ’s cha mhì-mheas, bhi siubhail na mìltean, Ad chuideachd co dìleas, don t-Sìobhardach gleusta, ’S neo-shuarach da thàice, Mac’Coinnich nam bràtach; ’S on thàinig sibh dhàchaidh, bith focail gan teumadh. III. Tha do bhain-Tighearna cliùteach, ’s i teo-chriodhach tùrail, ’S i carthannach iùlar, ’s bu dùchas di fhèin è, ’S mo ghèibh i mo dhùrachd, gur lughaid a cùram, ’S gu’n òlain gu sùnntach, air ìontrain do chèili’. IV. Thug nàduir duit gliocas, mar ghèard air do thuigse, ’S tu làn do dheagh ghibhtean, cruaidh mìsneachail treubhach; Tha surd ann do bhàile ’s mor muirneach do thalla, Culdaothall nan seang-each, is eangar a leumas. V. ’S geur-bheachdal gach taobh thu, ciuin reachdal gun dìomba’, Mì thlachd cha bu dìu leat, ’s tu fiùghantach spèiseil, Se dh’iarrainn nam b’fhìu leat, do nàimhdean a sgìursadh. ’San cat a thoirt sùil as na dhuraigeadh beud duìt. [TD 32] Thug nàduir mar dhìoleab, dhuit buaidhean do shìnnsir An gàradh is ilse, gu miothur cha leum thu; Cha ’n fhiach leat mar statain. gun dìobradh tu t-fhocal, Tha t-uaill ann an cèartas, ’s do thlachd ann an rè’ bheirt. VII. Tha cruadal co dlù ruit, ’an uaisle san giùlan, San onair do dhùcha cha dìulta tu èiridh; Sannsa leat daoine, na muilt agus caoruich, ’S cha’n fhaic’eir do raointean, gan caomhna fo’-threudan. VIII. ’S tu shliochd nam fear, cliutach, o reachd chàisteil Dùnaidh, ’N America b’ur iad gu sgìursadh nan reubal: Na Friosalaich ghrèannair, nach obadh roimh ain-neart, Nam tarraing nan lânnta, bhiodh frangaich fo’ reubadh; IX. A Sheumais Chuldaothall, gu’m b’ait leam ’s cha b’ ìonadh, Bhi faicinn do dhaoine, fo’n èadach air rèithlean, Gillean co tapaidh, sa sheasadh fo’ bhrataich, Nam gluasad o d-aitreamh, fo’ bhreachdan a’n fhèilidh. [TD 33] X. B’e m-aidheir is b’àill leam do mhac’ a bhi d’àite, ’S gu diongadh è gàradh, d’a chairdean nam b’fheudar, ’S bu bhinni leam Oran, air clìu a’n fhir oig, Na ge d’ ghèibhinn air bòrd, na tha chèol ann an Eirinn. XI. Air a mheud da’m bi ghrùid, ann a d’aitreamh ga stìuradh, A Sasgan thig cùinne, na chrunas gu lèir è, ’S mar sud do Chuldaothall, làn pháilteis gun saothair, Co fad sa bhios gaoth agus fraoch air na slèibhtean. [TD 34] ORAN don Fhreiceadan dubh. Addressed to DONALD FRASER, recruiting Serjeant at Inverness, in the year 1790. Air fonn, Thogainn fònn gun bhi tròm, Air leataobh Moir a chaideil. LUINNEAG. Tha mo rùn, le deagh iùl, Do luchd gìulan nam breachdan, Bonaid bhreac is cruinne cuairt, ’S fheileadh cuaich nan dlù phleatan. I. A DHÒMHNUIL bi gu fearail suairc, ’S na biodh gruaim ort ri m-áiteas, [TD 35] Gar am bhèil mi fada uait, ’S math leam suas thu gun airce; Tha mo rùn, &c. II. Ach nam bithinn san tigh òst, ’S mi gun òladh i ’n ceart-uair, Do dheoch slàinte le deagh chàil, Ge do phàigheinn le bat i. III. Is gar am bheil mi pailt do stor, Dh’èìghinn stòpa le taitneas, Agus dh’òlainn è le h-aoigh, Air na sùinn a tha ’n Glasghu. IV. ’An America gu tuath, Stric a fhuaradh iad gàisgeil, Le lann thana ghearradh beum, ’S culbhair rèidh nan ochd àisinn V. Smi nach dio-chuimhnich gu faoin, Na fir èatrom tha’m Peairt dhiu, Stric a thug iad le laimh threun, Do na reubalach caismeachd. VI. Bha na Gaidheil duineil rìamh ’S tha iad siallaidh, ro thapaidh, ’S ’nuair a theannadh ìad ri stri, ’S iad nach dìobradh a bhratach. [TD 36] VII. ’Nuair chaidh iad air sàil a nùnn, Bu mhòr ìonntrain nan gaisgeach, Bu lionar, caileag laoghach òg, Bha fo’ bhròn ann an Glasghu. VIII. Slionar bean a bha fo’ bhròn, Air a lèon air son macain, Cianail muladach gu leoir, Agus sròin do ’n Tombac orr’. IX. Nis tha’n cairdean subhach làn, On a thàinig iad dhàchaidh, Làn do dh’onair mar bu dual, Agus buaigh mar bu chleachda’; X. Ge d’ a rinn mi obair ghèarr, Na bi ’g radh nach èil tlachd orr’, Air na suinn ghearrainn ròinn, ’S chuirinn sùim air an tapachd. [TD 37] ORAN do Choirneal Donnacha’ Mac’ Phearson Bhreachdachaidh ann am Bàideanach. Air fonn, A bhean leisich an stòp dhuinn. I. LEAM is taitneach ’s cha neònach, Gabhail beachd air le dòchas, Dealbh riochdail a Chòirneal, ’S è air sguitseil na shèomar, Cha chuir sud mì gu dèoradh, Fhad sa ’s màirionn è bèo air mo chìonn. Fhad sa ’s mairionn, &c. &c. [TD 38] II. Tha bonaid bhalla-bhreachdach bhàsach, ’S ibht an eoin air mar lea-trom, ’S cota dèarg mar bu chlèachdach, ’S cloidheamh geala-shlios fo’ achlais, ’S fir fo’n àrmachd ’s iad faisg air, Sud na dearganaich bhrais ann san strì; III. Fhuair mi sealladh ga chèilidh, Le mòr thlachd agus ceutamh, Air a taraing na h-èididh, ’S fiamh na mais ann na h-aodann, ’S cuipe gast na laimh theumaidh, ’S each caol aigeannach èatrom ri taobh. IV. Meangan àillidh gun truailleadh, A dh’fhàs gu dosarach dualach, ’S nìal an t-sàmhraìdh cuir snuadh orr’, Bìleach, dùilleagach, uaine, Sann o leasraidh fir Chluainidh, Sud an stoc o na bhuainnt ì le clì. V. Stoc nan gallana fìonalt, Clanna Mhuirich nach dìobair, Fhuair iad urram gach tìre, Neart’ar urramach prìseil, [TD 39] Seasmhach, barantach dìleas, Ann sgach car a’m bu mhìann leo ’n rùn; VI. Slìon’ar cruadal air feachdan, Fhuair Donnacha’ Mac’ Phearson. Tric air uabairt ’s air sèachran, Dh’fhàg sud cruaìdh ann am pèars è, Tèas a’s fuachd ma ri gàisgìch, Sè bu dual da o ghlachd è lann lì. VII. Don aird an ear chaidh è òg ann, ’S Ghàidheil ghasta gun lèonadh, Cliu don tìr se bu dèonach, Leis nà fir a bha sònruicht, Nach robh tais ann an còmhrag, Ris na fir nach robh dèonach air sìth. VIII. A nam dhoibh sineadh air rèidh-lonn, Bu lion’ar Innseneach, breun dubh. Sa cheann clì as a chèile, Chluinnte caonnag aig bèistein, ’S cuirp gan gearradh le treun-neart, Aig nà gillean nach gèilleadh fo’ chùing. IX. Cliu as onair don Chòirneal, Stric a dh’iomain è mòr shluagh, [TD 40] ’S Hyder Ally sa ghèocaich, ’S iad bu ghile nan ròcas, ’S cruaidhe ’muineal nan cròcan, ’S nìal na mara ’s na mointich nan aoidh. X. A ri bu lòdail air feachd è, ’S è toirt ordudh ga ghàisgich, Gaidheil mhòralach thapaidh, ’S iad o dhùchas nan stachd-bheann, A theasadh dlù leis gun ghaiseadh, ’S le mòr chlìu a thighinn dachaidh le nì. XI. ’An America thuathach, ’Stric a tharraing è cruaidh-lann, ’S bha na Friosalaich chuannta, ’S iad fo’ smachd mar bu duàllach, Ealamh acuinneach ruanach, ’S ìad a leanadh an ruaig gun bhi sgìth. XII. Slìonmhor cruaidh-theas is baiteal, ’S cunnart bàis ann san deach è, Fuil ga dòrta se chleachd è, ’S tric d’a nàimhdean thug caismeachd, A culbhair rèidh nan ochd aisinn, Luaidh as fùdar gorm caiteanach mìn. [TD 41] XIII. Sar Chomanndair is caoine, Mùirneach, cathrannach, gaolach, Chuireadh mìsneach ’na dhaoine, Rachadh romh’ ann sgach baoghal; Fhuair è lot is cha b’ann aon uair, Ann an onair san saothair don righ. XIV. Ge b’è bhuaileadh air dallag, Bhiodh an cluasan gan tarraing, Bhiodh Fear Chluaini s’a mhalairt, Le chuid uaislean nach fannaich, ’S fir Shrath’eirean ’s Shrath-narran, Dheanadh èiridh gle ealamh le spid. XV. Slìonmhor curaidh deas dealbhach, A shiubhla’ monadh is garbh-bheìnn, Dh’èireadh leis gu neo-leanabaidh, Clann-Mhuirich neo chearbach, Smàirg a thachradh nam fearg orr’, Agus cat ri crann dèarg os an’ cionn. XVI. Gur ceann feàdhna deas càlma è, Do thigh Cbrùbainn nan garbh-laoch, A sheasadh dlù lèis am feara-ghleus, Chàidh chlìu thar mo sheanachas, [TD 42] Tha gach cùis dheth le dearbhachd, Ann an eachrai’eachd Alba le sùim. XVII. Saoghal fada le buaidh, Don teaghlach aigeantach shuairce, ’Sa chuid a dh’ìmich air chuan diu, Sgeula dhachaidh cha b’fhuath leam, Tha mo chapar a gluasad, San deoch slàinte man cuairt cuirear i. [TD 43] ORAN mar gum b’ànn le Sìom Frìosal’ Mac’Mhic’ Uistein ’an Srath-ghlais, do Sharlot Nighean Lachluin an Rath-Liath a’m Bàideanach. Air fonn, “Over the water with Charlie.” AN LUINNEAG. Tha rùn mo chridhe dòn nighein is àilte, Run mo chridbe gu bràth dhi, Tha run mo cbridhe don nighein is ailte, ’S i gaol mo chridhse Shàrlot. I. GED bhithinn co tèom ann an Gàilic sa’m bearla, Cha chuir mi dhuibh ’n gèill mar a b’àill leam, Bithidh mo theanga fo’ gheasan ’s m fheoil ann an teas chrith; Nam smuainteach air teistein mo ghràidhse. Tha run mo, &c. [TD 44] II. Fhuair i tuigs agus reasan, a’s gliocas le chèile, Tha i banail, ’s i beusach, ro ghrèannair, Tha i carthannach bàinnti, mìn farast deas-chàinnteach ’S fiamh a ghair ann sgach am air mo ghradhsa. II. Tha àilteachd na pearsa ’nuair thàr’as mi faìsg orr’, Gun d’thig uaipe feartan is feaird mi, ’S gur ioghantas lèinn mar dh’fhàs i co cuimeir, ’S nach mòlltair sna chuir iad mo ghràhsda. IV. Rinn-nàduir dhi dleasnais, nach fàillnich am feast i, Tha i làn do dheagh theisten, ’s cha ghànn iad, ’S tha gibhtean an còmhnuidh, cuir tlachd air a còmhradh, ’S gur astarach. cèolraidh mo ghràdhsa. V. Gur mòr th’ann na pearsa ghniomh nàduir ri fhàicsinn, Mar d’fhàillnich mo bheachd as mo chainnt mi, ’S i dealradh co sòiller, ’s gad’ fheuchta le coinneal, Nach fhaighte aon choir’ ann am ghràdhsa. VI. Gur mise bhiodh èibheinn na’m faighinn domh fèin i, Tha mo chridhe na leum, ’s è na dhèannruith; [TD 45] Gur samhladh do m’ chaileigse ciuin mhaidin earraich; Sa ghrìan tighinn o bhearradh nan ard-bheann. VII. Gur bachlach falt bòidheach ’s è sniomhach an òrdudh Be taitneas gill òg a bhi teann orr; Air buaidhean a pearsa cha d’theìd mi chuir beachd orr. Mun can iad gur leatrom mo chainnt doibh. VIII. Fhuair i h-àrach o h-òige, n’ Srath-liath nam fear mòra, San tèaghlach tha mòralach cèannsglach, Do’n Pearsonaich thapaidh, nach pilleadh le gealtach; Air a mheud ’s do ’m bi aca do’n áin-neart. IX. ’S mo ghèibh mi’n Srath-ghlais i aon uair ann am glac’aidh; Bithidh sòlas gun airceas sa nam sin, Bithidh uisge nam feadan, aig glaisich ga leagail, ’S bithidh cèol ann ga fhreagairt le dànnsa. X. ’S ge d’ dh’èireadh dhomh fhreasdal, gum bithinn d’a h-èasbhui, Aon te èile cha-leasaich mo chlànnsa, [TD 46] ’S bean eile ri m’ làtha ’na h-àite cha ghàbhainn, Ge d’ roth mi car gràthainn am bhantraich. Durachd a Bhàird da dh’òg Nighinn Uàsail, SLAN ìomradh do’n òg ghruagach, Ceann na h-uasle sna ’m buaighean pailt, Ciuin, min, tàiris, dhi beud cha chualas, ’S cha’n fhachdas rìamh mun cuairt di airc; Se durachd a Bhàird mun càill è chluasan, Sonas do uair bhi fuaight’ na taic, ’S bhuaigh gun dìobradh bhi fèillte mu guaillnibh, Co fad sa bhios cuan a’ bualadh stachd, [TD 47] ORAN do Phadric Urachatan Ceannuich ann an Dail-bheart ann am Baideanach. Air fonn, Faill ill h ò ro Thomais cha bheag orm thu. I. ’AN Dail-bheart tha ’h t-oig’ear, ’S cha mhòr a theid thàiris air, Gur gille siobhalt grèannar. Mar mèalt ann am bharail mi, Urchadanach cìnnteach, Don fhior fhuil nach fànnaicheadh, Do Dhòmhnuillich an fhraoich, A bhiodh èatrom sna bèalaichean. [TD 48] II. Gu m slàn do Phadric, Gur càirdeach an cèannaich è, Tha bheannachdan na dhàil, Chumais sàbhailt ri mhaireann è. Aig fheothais thoirt na dálach, Gun tàladh è caileagan, ’S cha chualas rìamh san dùthaich, Mi-chliu dha ’sgur màth leam è. III. A chèolraidh nis nach duisg thu, ’S cuir sunnt agus faram orm, ’As thoir smuaintean as a ghaoth, Agus caoin domh gu airis orr’. Tog maigne ann ’s na speuraibh, Is thoir geur-bheachd a mhaireas dhomh, Is fada teine bèo ann am choir, Chor gun làbhair mi. IV. Ge d’ bhithinn ann am Bhàrd, ’S mi bhi chèaird air gu cùmanta, Trian d’a bhuaidhean prìosail, Cha ’n ìnnsin cha b’ùrradh mi, Thug nàduir dha o shinsir, Mar’s cinnteach a h-ùile neach, Fearalas nach trèig è, ’S deagh bheusan le duinealas. [TD 49] V. Slionmhor sruthan uasal, Na ghruaidhibh a’ carachadh, Cha shìle dubh nam bruach, Ach am fuaran cuir thàrais air; Mar phreas a meàdhon gàraidh; Fo’ bhlàth air a bheannacha, Cha chrannaìch teas na fuachd è, Tha bhuaighean co càithreimeach. VI. Gur dìleas da na Grànntaich, An dròing a tha bàrantach, Fir a chaisgeadh àin-neart, ’S nach tìonnta le fèamachas; A philleadh tòir gun tàing, Bheireadh nàimhdean gu aithreachas, Le lannaibh glasa cruaidh, Caismeachd luadh le puirt mheara dhoibh. VII. Biodh giubhas ri crann dìreach, Strol sìoda sa phlapairnich, Aig fir nach caisgeadh sìonntein, ’S cha bhlìonaich na frasan iad, Biodh Còirneil Uilleam Grànnt, Air an cèann ’s cha b’e m prapair è, O Dhun nan lasgair uaimhreach, Nam gluasad len slàchdanan; [TD 50] VIII. Nam bu mhàighdean òg mi, ’S mi stòrasach earrasach, Gun siubhlain an roinn Eorpa, Lèm dheoin leìs gun àithreachas, Tha taìtneas ann na chòmhradh, Bheir bròn gu bhi tairiseach, ’S deagh bheusan mar bu dualach, Le suairceas na mhàluichean. IX. Mo run gun fhoill do Phàdraic, On tha sinn a’ dèalacha’, Gun duraiginn da cèile, Co gleust ’s tha san tàlamhsa, Do shiol nan sar dhaoin’ uai e, Nach coisinn fuath ach carann do, On chaidh è dh’Iner-Dhrùthaidh, Thoirt dùchas a shean-athair leis. [TD 51] ORAN do Chladh Dhun-leicheidi, agus do dh’acfuinn Mhic’Cullach. Air fonn, Jain Caimbeul a Bhanc. * Gloine gun chasan, stop gun chlaigean air bord, S mor an naire Mhac-cullach, nach eil è cumail reut coit; I. SANN mu thoiseach an earraich A fhuair mi an caracha’ cruaidh, * ’Nuair a chaidh mi steach sa thainig an dram thun a bhuird. [TD 52] ’S cìnnteach mise nach cuala h-uile fear, Nuair a chaidh mi Shrath-narran, ’An aite caraid car cuairt, Do Dhun-leicheidi suas bu duilich leam; Cladh gun bhuaidh, air dhroch tuar, Sa ghaoth thuath cùmant air, ’S nial an fhuachd, air mun cuairt, Leam bu chruaidh fùireach ann, Slionmhor clach tha ’na làirich, ’S mor an nàire bhi ànn, ’S è gun ghàradh mu chèann a’s mulad air. II. ’S è air leachdainn gun fhurtach, Cas-uchdanach cruaidh, Pailt chlachanach, uamhraidh, dubh-leachdach, Faoin-ghlacach, cruaidh-chrapach, Ard-chnocach mun cuairt, ’S mi-choltach, mi-chuannt, fad ùrrad è, Shìos a’s shuas, do mun cuairt, Talamh cruaidh creaganach, ’S meall nan luaigheinn gu tuath, Glìnn a’s fuar fheadanan, ’S neomh-fhraodhargach gàbhaidh, An t-ait è le greann, ’S mi-chomhnard na th-ànn Dun-leicheidi. [TD 53] III. Tha è caoin gruamach sgreadach, Eadar chreagaibh ’an tòll, ’S è mu leasruichean tròm gun chinneachdainn, Gur è mhais ann san t-shàmhradh, Tuim do dhèanntaig ’s iad dònn, ’S tha iad teith-loisgeach lòm sna h-iomallan ’S aobhair truais è gach uair, ’S è on t-shluagh iomallach, ’S bi’dh madra’ ruagh ann le dhuan, Agus tuar milleadh air, Tha è coltach ri lùndair, Sa lamh lùbta fo’ chèann, ’S è mar ùmaidh gun chàinnt sa bhùralaich. IV. Sa nam dhomh dol dachaidh, Chaidh mi seachad mun cuairt, Rathad fada ’s è buan a’s muladach, ’S Domhall Mac’Phadraic, Mo nábaidh glan suairc, Sanndaidh Friosail ud shuas a dh’fhuirich rium; Ann an Gaisg, Dhun-mhacglais, Rinn sinn stad, fhuireach ann, Struagh nach deach sinn air ais, Bu mhi-thlachd ùile è, Tèine air a chagailt, [TD 54] Cha ro srad ann ach gànn, ’S bu mhi-choltach dhuìnn tàmh na fuireach ann. V. ’An tigh Mhic’Cullach nan cearc, A thilg sinn achdair air tìr, ’S beag a b’fhàirde sinn fheìn na chunna’ sinn, San aig a bha’n acfuinn, Bu mhi-thlachdmhoire clì, ’S ged’ a rachainn ga h-inns cha b’ùrradh mi; Gloine ghlas, air lea-chas, Stop gun bhad-mhullaich air, ’S mac na brach ann a steach, ’S chuir an deathaich grùnnas ann, Stuth nam feadanan lùbach, ’S blas ann t-sùthaidh air ann, ’S cha ro dèagh-thlachd an cèann na chunna sinn. VI. Smor an nàire Mhac’Cullach, Nach èil è cumail reut còir, ’S cha chan mis ach droch òlach tuile ris; Ge d’ a chaidh mi ga fhaicinn, Cha robh mo bheachd air dhroch shèol, Cha do chleachd mi a’s m òige ’n t-shiubhlaideachd: Dol a steach dhuinn le sgairt, Bha sinn cas, fulasgach, Leigheas fuachd cha robh shuas, [TD 55] Ga bu chruaidh dulaich è, ’S fear fuadach an àcrais, Bha è àca co gann, ’S thug sinne nar dèann am monaidh oirn, VII. Rinn Mac’Cullach an eacoir, ’S mor am bèid leam a chall, On a tha è na Bhàrd co urramach; ’S mo bhios è ri mi-sta, Thig an cirien ga cheann, ’S na th’air mintinn sa nam cha ’n innis mi, On ’s fear danachd è fèin, Cha chuir beum mulad air, On a b’àbhaist da leum, Ann an ceum cunnartach, ’S mu’m bì è na chùpair, Bheir è ùpag a’s dèann, ’S cha chùram leis grèann na h-uile fir. VIII. Bha’n sneachda gu fiorasach, Lìath-chlòi’teach ann, Gu h ibhteagach dèann-ruigh cuireideach; ’S è teachd on èarra-dheas, Thar barra-chinn nam bèann, A’s chuir è gu stàll Mhic’Cullach sinn; A cheud chas chuir mi steach, [TD 56] ’An tigh na beairt chunnaic mi, Da chaor ann ri strì agus trì tunnagan, Bha cat ann le ìnneach, ’S è mìonnan da chàch, ’S bha cearc a cur aird air fuinne dhoibh. IX. Bha cuilein gun chreideas, Gu beag-narach shuas, A’s è na shuigh ann an cuairt a t-shìomalair, Bha seann-bhean a’ càrda, Air a cràmpa le fuachd, ’S tha mi moladh da uair a cumaltais; Bha i uaireigen cruadalach, Cruaidh, fulangach, Chuir a’n aois i gu caoile, ’S i faoin ùireasach, Cha n ioghna Mac’Cullach, A bhi le mhùirichein fànn, ’S na chaidh dh’fheadaìl a chall a n uraidh air. X. ’S iomadh àit ann san cual iad è, Shuas agus thall, ’S bu mhor mi-ghian a chàirdean mùladach; Gu deas a’s gu tuath, On a chual iad è ann, Cha bhi mise cuir cainnt aire tuille dhoibh; [TD 57] Bu mor a chreach, Call nan cearc, bha mor-thlachd uile orr’, Coileach gast nach ro tais, Bha gu gleachd ùrramach, Se Grèadhair na dunach, A rinn le ghunn orr an càll, Ceann gogach a dh’fhas gun duinealas. XI. Thoir soraidh uam gu Mac’Cullach, O’n tha mi duilich sa n àm, Oir ’s fear cinnidh dhomh th’ànn gu mhearachd air; ’S gar ’n do dhearbh è bhi duineil, ’Nuair bha mi urrad sa ghlèann, Ma tha’n dàn dhomh dol ann, cha n àithnich mi; Bu dual da tlachd Buaidh le smachd, Uaill on reachd urramach: Suairce pailt, cruaidh neo-thais, Cairdeil ait fùranach, Clann-Choinnich an ròsail, An am còmhstri nach fànn, Geur-lannach neart làmh cruaidh-bhuilleachail. XII. Bu dual da bhi fearail, A thaobh sean-athair mo ghràidh, Sèann damh caparach àrd nam firichean, [TD 58] Ge d’ a chaidh è gu neo-ni, Cha deach an ònair a chàll, Oir fhuair sinne dheth ’n cèann ’s na bioranan; ’Nuair bu bheò è na chòir, Ged’ robh tòir millidh air, Mar rachadh luaigh na fheoil, Cha bu leòn tuillidh dha, ’Nam dìreadh na leachdain, Mar biodh a chàsan air chàll, Cha robh thrùp ann son Fhràing na philleadh è. XIII. Ach on a chaidh è gu dolaidh, ’S gun deach a cholainn air chàll, ’S nach eil fìos againn càit an d’imich è: Cha chuir mi air Gàilic, Ge d’ a thàrainn san àm, Mun can cach gur è m Bàrd a dh’innis è, Uam le sgairt sunntach braìs, Suas do Ghaisg cuiridh mi, Soraidh uam air an uair, Mu m bi’ luaigh tuilidh air, A dh’ìnse Mac’cullach, E bhì gu furanach treun, Mun d’thig cabar an fhèigh sam mùllach dheth. [TD 59] ORAN do’n Earla Thuathach Triath Chlann Choinnich. Air fonn, Theid mi lem dheoin dhuchais Mhic’-Leoid. I. Do Bhràthain nan steud, ’s cathair mo cheum, M’-aigheir do’n treud chalg-bhiorach; Suaimhneas an fhèigh, fuasgailt gu feum; Mac’Coinnich nan sgeith balla-bhreachdach; Slàn iomradh dhuit fhein, sith dha do cheum, Siobhart on d’theid t-ainmeachadh; Bi’dh ceathairn le sùnt le àidheir is muirn, A’ caitheamh do chùirt, ana-barraich. [TD 60] II. Gheibhte gu leoir, pailt mu do bhòrd, Deoch do gach sèort a dh’àinmichein; Fìon as portar as beoir, rum as brandaidh re òl; A chuireadh fir òg, air meana-mhaineachd; Bu toilintinn do Dhiuc, tachairt a’ d’ chuirt, Gheibhte luchd ciuil èanachaineach; N’am cromadh do’n Ghrèin, a’ teannacha theud, ’S bhiodh farum aig beus dèarbhta dhoibh. III. Gheibhte ann ad’ choir, tlachd air gach sèol, Gun airce gnn léon searbh-fhocal, Bhiodh do ghillean gu tèom, as miol-choin air èill, Gu sireadh feadh bhèinn is garbhlaichean; Nam tearnadh dhoibh fhèin, gu àros an fheigh, Ga ’m b’ abhaist bhi’n sleibh garbh-gleannaihh; Sgionan tana ’s iad geur, gu fionnadh gan reir, Thighinn dàchaidh tròm-cheum ’s èallachan orr; IV. Ach na’m bithinn gu dàn, am fhili na’m bhàrd, ’S m’iomartais, làn seanachaidheachd; Dubh a’s peann ann am làimh. cuir do bhuaighean os n àird, Cha’n ìnnsinn ach pàirt ainmeig dhiu, B’e sud m’àigheir ’s mo run, bhi g’aithris do chliu, Chaidh fad ann an ùil ghàrbh-chriochaibh; Slionar beannachd as ùr, tha’n taice ri d’chull, ’S do ghlioc’as ’s gach cuis dearhhta dhuinn. [TD 61] V. Mìn sochdrach ri tuath, gu’n di toirt do dhaoin’ uaisle Làidir macanta’ cruaigh feara-ghramail; A chumadh ceartas ri d’thaobh, ’s cha bu ghlacaireachd cùil, Sann leat nach bu diuil cealgaireachd; Cha ’n è dile nam bruach, tha co fionalt ’a d’ghruaidh, Ceann a’n cìnntich an gluais àragamaid; Ach uisge ’n fhìor fhuaran ùr, tighinn na thi o na ghrunnt, T fhuil rìoghail ’a d’ ghnùis dhealbh-mhaisich; VI. T fhuil rìoghail gun spot, gallan dìreach on stochd, Triath Shìobhaird mor-neart’ar armailteach; A theas gu dileas le tlachd leis na righribh a bh’achd, Gus na dh’ìbir ceann-taic nan leanmhuinneach; Sa chum an tìr gun bhi glact’, iomadh blìadhna le gleachd, ’S luchd na casagan dait, cha dheargadh orr’; Luaigh is fùdar gun airc, gunna gleusta ’s lann ghlas, Os-cionn fheile nam pleat neo-ainmeigeach. VII. Leam is duilich r’a luaidh, Còirneal Uilleam nach buan, ’S air Hamharstoun buaigh gu meanaichein; [TD 62] Agus Coinneach nam buagh, tha air uilein ’sa chuan, On reachd urramach uasal mheara-chleasach; Mile beannachd don ti, nach d’ fhag aitreàmh gun ni, Leam is taitneach gur cinnt an seanachas è; Sa chuir thugainn gu tuath, ceannard ceann-sgeulach sluaigh, Ann an ionad na ghluais air fairge uainn. VIII. ’S mor t onair ’s do chlìu, ann an Lunnuin sa chuirt, Do thuigs ann an cùil cha n fholaiche tu; Dàna misneachail ciuin, ’s tu a thagradh gach cùis, Sa sheasadh air taobh nan Albannach; Do d’ chinneadh mar chrùn, ad’chul-taic, ’s ad’ cheann-iul, Slionmhor meangan glan ùr a dh’-fhairde tu; Slion’ar gille deas òg, bhiodh ad’ iomairt le’n deoin: ’Nuair a thogta da chroc air gèala-bhrataich. IX. Bu cruaidh fhortan gun taing, do’n ti a dh’obadh do chall, Sa liuthad gasan gun fheall a champa leat; Bu lion’ar fleasgach neo-fhann, nach coidleadh le srann, ’S Iarla Shiobhard an spairnn ain-neartaich; Dh’èireadh sud le mo rùn, fir Chinn-tail air do’chùl, [TD 63] ’Stric a choisin sud clìu nàimhdean doibh: Clann-Linnein nam buagh stric a dh’ioman iad sluagh, Sud na fir a tha cruaidh ceann-sgeulach. X. Nam tional do chuirt, ’s uaislean do dhùch; A sheasadh gu dlù calmadail; Misneachail treun muisgaideach gleust, Seasmhach fo’ sgèith thargaideach; Fir Leobhais gu leur, dh’eireadh leat fhein, Len lannadh cruaidh geur ceanna-bheairteach; Bhiodh miltean diu ànn, sioda ri crànn, ’S dileas a chlann chèanna-chrocach. XI. Clann Mhurchaidh nan corc, dh’èireadh iad leat, ’S cha chuireadh a gheilt àmaladh orr; Fiùrana gast ùrar nan neart, Dùsgach ’s cha chaisg seanachas iad; Nam taraing nam pìc, ealamh gu stri, Ghearradh iad cìnn ’s èarbalan; ’S tlachd ri do thaobh, ’s taic rid’ chùl, Slioc Ruaraidh nan tùr Fàrbairneach. XII. Iarla Chròmbail o Leòid. ’s fòirmeil le sheoid, Foirfidh ’san toir shonna-bhuilleach; ’An eireachdas slòigh, ealanta seoilt; ’S ceannardach cròc loma-ruisgeach; ’Nam taraing gu feum, ceannsuighte treun, [TD 64] Fearail gun lèig bhuaileadh iad; ’S bhiodh naimhdean nan rèis. dol as uapa fhèin, ’S iad nan càbhaig nan diaigh luath-chenmach. XIII. Clann Mhic’-Rath air do sgà, ghabhadh do phàirt, Nach athadh gu bràth ’s càlg orra, Fìughantach deas, ciuin. nach leig leis, Siubhlach gu teas ain-meineach: ’Nuair shìneadh iad cròst. chite gun toirt, Cinn ann air dhroch charbhaireachd: ’S bhiodh nàimhdean fo’m bonn gun anam nan com Le mire nan sònn tàrbh-bhuilleach. XIV. Clann Dòmhnuil an fhraoich, ’s leor ri do thaobh, ’S Leodaich mar aom fearg orra, ’An Asain o thuath. ’s pailt do dhaoin’ uaisle, ’S Catuich cha ghluais cèarbach leat; Tòisich nam mac’, ’s òrdail air feachd, Strol agus cat èarbullach, ’S Clann-Chatan nam pìc, sgaiteach gu strì; A bheireadh gu cìs dèarganaich. XV. Mac’ Shiomaidh on àird, bithidh, n iomardais, chàich, ’S fir leis nach gnà leànabai’eachd; Am Fìne nach tais, nach pilleadh air ais, Friosealaich ghast ’s àinmeil iad; Thig Siasailich bràis, òirn a srath-ghlais, [TD 65] Onair le tlachd, dhearbain asd; Nam spealadh do phiob, ’s caraide fìllt Mac Chailein on tir Earra-ghaelich. XVI. Clann Leathainn nam buagh, ghleidheadh leat sluagh A sgathadh le tuar sèalg orra, Len cuilbheire gleust, ’s lom-lanna geur, A ghearradh le treun fheara-bhuillen; ’S chite nan dèigh, cuirp air droch ghrèidh; Nan cutan air feur gairsinneach, ’An cunnart cha d’thèid, mail’ air an ceum, ’S gaisgich o Bhrèid-Albainn iad. XVII. Dh’eireadh iad leat, miltean air feachd, Chualas ’s gach bachd àinmeil thu; Slìon’ar do néart èidear Ile nam mart, ’S caoil rònach nan stachd gàrbh-chreagach, Se ghiorraich mo sgeul, m’aiteas dhuit fèin, Rachainn th’ air sgèith fàirge leat, Thair connain nan stèill, soraidh uam fheìn, Do Brathain nam pìos àirgiodach. [TD 66] LUINNEAG do Dhuic Earr-Ghae’al, Air fonn, Nuair a bha mi aig an t sèisean. LUINNEAG. Thogainn fònn neo-thròm le h-aiteas, Air an Duic da n iùl na stac-bheann, D’am bu chlìu bhi dlù fo’bhrat. Le luchd nam breachdan uallach, I. CAIMBEULACH deas tèoma fearail, Iriosal spèiseil gun sgainner, O dhùchas nan stuchd ’s nam bealach, ’S dh’fhàg sud fallain cruaidh è. Thogainn, &c. [TD 67] II. Tha è rìoghail, dìreach, gallant, Fiughantach, cùirteil, gun sgallais, ’S dholain fhein deoch slaint Mhic Chailein, Dh’ùisge glan an fhuarain. III. Fear nach tais ’an caismeachd ghlèadhrach, ’S buan a choir air Inearaora’, ’Slìonar bean a’s duine a’s màighdean, Dh’fhoineachdas an t-uasal. IV. ’Slionar treun-fhear tèoma tapaidh, Eadar Ceann-tir a’s loch-airceig, Earra-ghaelich nach faoin an caitein, A dheanadh brais leis gluasad. V. Caimbeulaich nan geur-lann fùileach, Fir gun sga ’an gabhadh cunnart, Chit’ air feur nan dèigh sa chumasg, Cuirp nach b’urradh gluasad. VI. ’S mor a mheas aig uaislean dìleas, ’S Còirnenl ann an Geaird an Rìgh è, Sàr chomandair foinneamh fìr ghast, ’S cèann air mhìltean sluaigh è: [TD 68] VII. S fhada shiubhail cliu Mhic Chailein, Measg dhùchan ’an iul san aineol, Slionar laoch bu bhèara tarraing, ’Nuair sgaladh an fhuaimeid. VIII. ’S mo ghèibh è mo dhùrachd sàbhailt, Cliu a’s onair dhà ’s buaidh larach, Sluagh gan toirt a dh’ionnsaidh blàruibh, Tharraing pairt do’n bhuannachd. IX. Ga be bheireadh tàir le tàilceis, Do Mhac Chailein nan sluagh gasta, Chìte siunn fo’ chrànn ri spadadh, Chlaigeanan bh’arr ghuaillibh, X. Struagh nach mise dhiongadh. naoi’near, ’S sheasainn lèis mar sheasadh aon fhear, ’N àile ’s fhàda chluinte glaodh, ’Nuair theannadh faoidh ri cruaidh chath. XI. ’S on a thà sinn sa’n tigh thàirnne, Olamaid deoch slàint nan càirdean, ’S Mac an Dùic cha dean sinn fhàgail, Sud air slaint an uasail. [TD 69] Mairearad Mholach mhìn. Air fonn, Dùnnacha le ghunna goirid. AN LUINNEAG. Mo rùn Mairearad mhìn mhòlach, ’S mo rùn Màirearad mhòlach mhìn, Mo rùn, &c. Slionar guille th’air a ti. I. SLIONAR gille tapaidh bàrra-ghast, Eadar Dealganros na frì, ’S ceann Loch nis nam bradan tarra-gheal, Tha gun imcheist air a ti. Mo rùn, &c, [TD 70] II. ’N àile chumainn trot ri naoi’near, Ged’ a dh’aomadh iad gu strì ’S cha leag mì gu bràth le duin’ ì, On a dh’ fhas i molach mìn. III. Struagh nach eil sinn ann sa n àiridh, Air ar fàgail ann leinn fhin, ’S chumadh ì on fhuachd mi sàbhailt, On a dh’ fhàs i molach mìn. IV. Ge d’ a ghèibhinn tàirgse bhàin-tighearn, ’S neo-ar-thaing a bheirinn di, ’S mòr gum b’fhèarrr leam Nic an Leanntrais, Tha na th’ànn dhi molach min. V. Buaidhean mo chruinneig cha lèir dhomh, An cuir an gèil cha dean mi ’n ins, Thug nàduir dhi tuigse rèasan, Agus cèill na beusan fìllt. VI. ’S i air a sgeudacha le h-àilteachd, Sa càirdeas mar ghràn air pill, Seimh, fallain ùr ’s cumaite dh’fhàs i, O mullach gu sàil a buinn. [TD 71] VII. Leam a b’ait a bhi ga pògadh, Beul on d’thig an t-orain binn, Gruaidh mar dhearcaic suil is mòthair, ’S mor mo bhòst a glòir a cinn. VIII. Bannsa leam a bhi ga h-èisdeachd, Na smèorach sa chèiten shìl, Na cèol file nam binn theudan, ’S na tha chèol ’an Eirinn chrìdh. IX. Do Chuileodair gu’n d’thig gàisgich, Gillean tapaidh as gach tir, ’S bi’dh gach fear an gàall air fuireach, Marri Màirearad mholach mhìn. X. Dheanainn cur a’s ar is buain dhi, ’S dheanainn cruach gun chiorram dhì, ’S bhèirinn siothann o uchd fuar-bheann, ’S bhèirinn ruaig air cuantaibh sgì. XI. Shìubhlain la ’s shìubhlain òi’che, Is ghleidhinn sàibhreis dhi gun dì, ’S on is caomh leam Nic-an-leanntrais, ’S caomh le Nic-an-leanntrais mì. [TD 72] XII. Bheirinn greis air mire ’s mànnran, ’S grèis air tàladh mo chuid fheìn, ’S grèis air briodalachd ri mànnsachd, Tha mo ghràdhsa molach mìn. XIII. ’S bheirinn grèis air òran àithris, ’S grèis ’an tabhairneachd nam pìos, ’S cha bhiodh càmpar orm na mùlad, Marri Màirearad mholach mhìn. [TD 73] ORAN do dh’fhear nan Earrachd. Air fonn, Jain Caimbeil a Bhanc. I. DEOCH slàint fear nan Earrachd, ’S ì bu mhàth leam mun cuairt, Màidseir Ailein an t-uasal iriosal, O thir nam fear gasta, Na fìor Abracha chuannt, Bheireadh sgairt san toir chruaidh sa philleadh i: Slionar treun laoch, mor spèiseil, Gun bheud cumadh orr; Nach gabh fìamh ri dol sìos, Ann an dìan fhùlasgadh, [TD 74] Eadar bràigh Loch-airceig, ’S bun Lochabar nam bò, A dh’èireadh leat le n ceart deoin sa chumadh riut. II. ’An America thuathach, Bu mhòr buaghail do cheum, (’S dh’fhag sud miosail thu fèin aig Lunnanaich:) ’S ge d’ chuir iàd tigh pùnnt ort, ’S màth a chuimhnich thu leum, Leat am priosan cha b’èibhinn fùireach ann: Bannsa leat dol fo’bheirt, Ann an gleachd bhuilleachail, ’S cuilbheir rèidh gu grad fheum, Gath o bheul chuireadh è. Nam taraing nan slachdan, Gràdh cas b’e do mhìann, ’S Do d’naimhdean bu lìonar buille uait. III. Ann an ònair do dhùcha, Bu chlìu leat bhi ànn, A’ rùsgadh nan lánn san iomairt ud; Gan gearradh le dùrachd, Feoil ur cha bu ghann, Bhiodh smùisernich ànn ’nuair mhiradh tu, Bu lionar corp, air an lot, ’S iad air droch ìnniseachd, ’S fir gu leoir air an leon. [TD 75] ’S iad gun treoir pìlleadh uait, ’S tu a sguabadh gu mion, ’S cha b’e do char fuigheal beum, ’An clìar tharaing nan ceud gu mire-chath. IV. A Mhàidseir Ailein mo dhùrachd, Gun ruig gu cùl-thaobh do sgeith, Clìu is ònair ’s mor spèis do chinnidh dhuit; Slionar neach a tha dlù dhuit, Do thìr dhùchasaich fèin, A tha gu h-ait air son sgeul do chinneachdainn, Tha t-uaisle pailt le tuar cheart, Suairceas, tlachd, èireachdais, Iular fàisg gun ra-spars, Cruaidh neo-thais, èalanta, ’S beag an t-ioghn’ thu bhi lodal, ’S mor do chòir air gun tàing, ’S gun bhuaint thu on dròing nach cèileinse. V. Nior mheala mise mo chòta, Mar math leam bèo thu fhir threun, ’S mòr phàilteas dhuit fhèin gun uireasbhui,’ Gallan dìreach gun dochair, O’n dèagh stoc nach eil brèin, Dh’fhàs dosrach lan gheugan ùrramach; Na Camshronaich cholgal, ’S iad garbh cullaideach, [TD 76] Cruaidh fo’n armachd neo-chearbach, Fir chalm churanta, Dìleas cruaidh calla-ghast’, Brisg ainemeineach, lànn-deas, Sgaiteach san deann-chath fùileadach. VI. Slionar sruth prìosal, A tha dèiridh mu d’ghruaidh, O fhior uisge ’n fhuarain chàithreimich; O phreas chul na dìge, Cha d’rinn do shinnsire trìall, O chìrein loch Iall a charuich iad, Tha do ghibhtean co tric, Ann a measg àinichean, Stuama, ciuin, gun bheum cuil, Seas-mhach cùl-bharanntach, Fiughantach mòr-chuiseach, Dòchas deagh chèill, ’S òirdheargach bèas do leannainse. VII. Clan-Leathainn on Drèollain, Le mìann còmhraig nan spuac, Gur dìleas da uair an spionnadh dhuit; ’S bu chinnteach do choirse, Nan d’thigeadh fòir-neart ort cruaidh, Sliochd tighe don dual na Drìomannan; Mo chèolraidh steach, gàbhail tlachd, [TD 77] Le geur-bheachd ìoghantach, Air uaisl’ do theach, dualchais ceart, ’S uaill o d’ sheachd ginealaich, Tha mo smuainte co tàiris, Ri grìan a dealradh roimh chèo, ’S beir mo shòraidh le cèol do Lùnnan uam. RANN o chainnt Chaiptein Mhic Gui’ne ann an Coire-bhruach a Srath Eireann air dha Oran nan Caorach a chliunntein. IS iomalaideach an saoghal cruaidh, Is intinnen an t-sluaigh gu beachd, ’S aonranachd a faigheinn buaigh, Far a minig ’n do ghluais feachd. Cha d’thug mi do na Caoraich fuath, ’S fhada uam ’s cha bu choir dhomh, ’S iad lamh dheas chùmail na tuath, [TD 78] Caoraich nan cruach-bheann gun chron. ’S biadh a’s eadach iad gun ghò, Ni fuachd fhògradh ’s nach lèon gean, Solas maraon, chuireas faoilt air feoil, Tha ’m buaighean marbh a’s beò mar sin. B’ait leam am faicinn air slìabh, ’S nèo-chiontach an trìall sa ghlèann, Ann sna fri’bh a dh’orduich Dia, B’e mhi chial mar biodh iad ànn. Ach solc am mathas air leam ’s gur faoin, Bhi treigsinn dhaoin’ air son am prodhait, Sa ghiorrad sa sheasadh iad suas, Ri uchd fuathais, nan cruaidh throd. Cha’n fhaic’ear ’m fhearann na ’m fhonn, Foth threudan na bhonn-lair achd, ’S cha chuir mi Caoraich gu bràth, Ann a ’n àite nam fear gast. Fhad sa mhàireas beò nàduir a’ m’ chlìabh, ’S fèin bheusan le geur bheachd, Cha’n fhuilling mo chridh na’m fheoil, Domh daoin’ fhogairt le dò-bheart. [TD 79] ORAN do dh’Uilleam Mac Ille-bhraigh Air fonn, Hò ’s fhada tighinn thu. AN LUINNEAG. Gruaimein cha ’n fhuiling sinn, Oir ’s bruaidhleanach duilich é, ’S fuar è neo fhurastach, ’S gur è ’n tuireadh leis ’s a’s ànns. I. THA mo smuain a’ breithneacha’, Gu faoilte chuir nam b’àithne dhi, Tha ascaoin caoin a’s greannach orr’, Slèir dhi thair bearradh nam bèann. Gruaimein, &c. [TD 80] II. Thair linge dhù-ghorm ghaireanach, Thoir sios do Dhulmachgearraidh uam, ’S mèalta ann am bharail mi, Mar eil mo charaid ann gun tàing. III. Uilleam òg cha mhiste leam, Gur Bràigheach è le m’fhiosracha’, Se dh’fhag bhur càirdeas meiteilteach, Na fèigh bhi sgiotach ann sa ghlèann. IV. Gille sìobhalt misneachail, Cruaidh glan dìleas mèasarradh, ’S ged’ thug am freasdal ìbhteag as, Chuir nàduir gibhtean ann na chèann. V. A measg nan steud gur toirteil è Gun cuir è greim ’s cha dòchuinn è, Ged chuir an sèisein dòchair air, ’S nach d’chuir e’n dròchaid air an àllt. VI. ’S gleust air pìob is figheill è, Gu ceol thoirt do na h-ìngheanan, Le fheadan teoma sìothanach, Chuireadh è lighich gu stall. VII. Nan tarlamaid sna Taibhreinibh, Bhiodh fhiughantas gun fhalach air, [TD 81] Gu sunntach. criodhail, cathrannach, Dh’òlamaid searrag do’n dram. VIII. Bhiodh cèol na’s leoir neo-uireasach, ’S bhiodh roinn le càinnt ga chumadh leinn, ’S ge b’e thèir nach burradh dhuinn, Air làmh mo bhuithinn tha iad mèallt. IX. Tha’n saoghal so co iongantach, ’S gur mairg a bhiodh ga chruinneacha’, Gha dean sinn umhlachd tuillidh dha, ’S nach eil ionad againn ànn. X. Lion an stòpa fhàthast dhuinn, ’S gu ’n òlamaid gu h aidheireach, ’Se dh’fhag co faoin an ràthad duinn, Nach d’fhuair sinn mnàthan na clànn. XI. ’Slionar bròinein acarach, A’ tionail stòir gu taisgeideach, Thig fir nan dèigh gun achdarrachd, Se ’n uaill ’san tlachd a chuir san dràm. XII. A dhaoine thugaibh ’n aire dhomh, ’S na deanaibh sgaoileadh cabhagach, Mu’m fàs bhur pòchda fàlamh dheth, Uam am balaoch le chuid càinnt. [TD 82] Cha bhi sinn ri caomhnadh riobach, Caomhnaidh riobach, caomhnadh riobach, Cha bhi sinn ri caomhnadh riobach, ’S math a chuideachd lèinn an dràm. Beannachadh Bàird do dh’fhear Choire-mhonaidh. MOCH di-mairt smi g’amhrac uam, Gur beag mo ghruaim ’s gur mor mo thlachd, Gu Coire-mhonaidh mo luaigh, Thoir soraidh uam mun d’thèid mi steach, Gu cèann uigh nam Bàrd, Nach fhaic a Ghàilic air leath chas, ’Sa chumas seasmhach i gu bràth, Ged’ theireadh cach gu’n d’theid i as. [TD 83] RANN do’n chnu a chaidh a ghihht a ’n ionnsaidh Marcus Fhunntainn, A CHNU nach d’fhas rìamh am Breatan, Tha lèithìd tearc air feadh nan gàrbh-chrioch, Le tàmailt cha sgain ’s cha srachd i, ’S i air a cuir le cearcail àirgid, Gibht’ phrìosail gun lèon do ’n òg Marcus, Gòrdanach mor-neartar àrmail. Tha ònair an Dùic ’sa chùl-taice, O thràigh gu tràigh ’na bhailtean àinmeil. [TD 84] ORAN leis an Ughdair air dha bhi g’amhrac air caileagan Lunnainn agus a smuainteachadh air caileagan an Taobh tuath. Air fonn, ’S bochd a nuaidheachd ’s gur cruaidh, Tha agam ri luaigh an dràst. I. A DH’ Alba gu tuath, Thoir an t-sòraidh so uam gun dàil, Far am fàighte na sùinn, Air am biodh an aoigh gun tàir, Far am fàighte na seoid, ’Sa chlann nighean is bòi’che bàrr’, A lionadh cridhe gill òg, Bheireadh bruighinn a’s còmhradh dhà. [TD 85] II. B’e sud m’àighear ’s mo mhìann, Bhi gan tàthaich gu dìan fo’ sgàil, ’S na fàighinn mo rùn, Gun a suidhinn air culthaobh chàich, ’S ged’ a gheibhinn a trì, Cha bu lughaid mo shìth a dhà, ’S math a dh’fhoghnadh a h aon, ’S mor a ghàbhainn sa chaochla’ ràdh. III. ’Nam dhomh faicinn air fèill, Air banais air fèisd le fàilt, Gun lionadh iad fèin, Mo chridhe le h eibhneas gràidh, ’S iad nan uigheam mar gheugan, Uile gu lèir fo’ bhlàth: ’Sa ’n inntin mar lòng, Air bharraibh nan tònn a’ snàmh. IV. ’San cridhe nan còm, Na shuigh ’n co-fhònn ri ’n càil, ’S b’e aigheir gach tè, Gum faigheadh i spèis th’air chàch, ’S b’e ’n durachd gu lèir, Mar tha fios agaibh fèin mar thà, Gu mealladh i thù, Le sealla’ a sùilean tla. [TD 86] V. B’iad sud suilean na maise, Fo’ mhaladh nan rosg bu rèidh, Sann leamsa gum b’ait. Bhi daonnan fo’ thaic an sgèith, Bhiodh Gaelic gu pailt, Gun fhàillige blas nam beul, Sa mhaidin gu moch, Gum b’fhònnar leam guth gach tè. VI. ’Naile ’s mis tha fo’ ghruaim, ’S mi fada o thuath gu deas, Ann an Lunnain nan cleòc, Gheibh mi iomadach seorta cleas, ’S mo chuimhne gu buan, Air na dh’fhag mi gu tuath, mo cheist, Air na rìbhinnein suairc, Chuireadh m’fhuil ann an gluasad teas. VII. B’annsa bhi ann sa ghlèann, A siubhal nam bèann ’s nan stuc, Nan Sasgan air chàl’, Far nach fhaic mi mo ghràdh le ìul, Tha na maighdeanan sìobhalt, Uile co mìn ’s co ciuin, Ach b’e ’n aigheir ’s a mìann, Mo chuir aun an lìon gu dùint. [TD 87] VIII. Sann an Uapaing a thà, Na caileagan dàna faisg, Tha iad uile lan càirdeas, Cridheachan blà tais, Ach mo gheibh iad fo’n sgèith thu, ’S cinnteach mun d’thèid thu as, Gum pàigh thu do chèilidh, ’S tairnidh iad teud man seach. IX. Ach ma mhaireas mo shlàint, ’S gum faigh mi gu bràth dol uatha, Cha’n fhuiling mi tàir, Do na caileagan tha gu tuath, Ged’ theireadh iad pàirt, Cha neil iad nan tràillean fuar. ’S thar stuathanna’ àrd Thoir mo shòraidh gun dail thuchd uam. [TD 88] ORAN do na Caoraich Mhoire. Air fonn, Dibhist do chreidi’ an t-sagairt, Thainig fada fada nuas, ’S bheirinn mo mhionnan le creideas, Gur iad a ghiod mo chuid uam. I. SMOR mo mhulad is mèislean, Mu mhoch-thra ’s mi g’èiridh suas, Gum bheil m’ìnntin air a ceusadh, ’S cha neil feum dhomh bhi ga luaigh, ’S mi bhi g’àmhrac air na speuruibh, Chi mi ’èir na maidin uam, Chi mi muir a’s tir le chèile, San dealt air an fheur mun cuairt. [TD 89] II. Chi mi cnuic, a’s sluichd a’s slèibhtean, ’S cha lughdaich iad fhèin mo ghruaim, ’S chi mi dol a mach nan treudan, ’S loingeas bhrèid-gheal air a chuan, Chi mi Gaidheil ’s iad nan èiginn, ’S iad a g’èiridh suas fo’n chuail, ’S chi mi daoine gar sior thrèigsinn, ’S uach ’eil spèis dhoibh san Taobh tuath. III. Se dh’fhag mulad air m’ìnntin, Sa chuir mì-ghean orm le gruaim, Na daoin’ uaisle bhi co mìothur, ’S gun chuir iad na h ìslean uath, ’S gun chuir iad air falbh na daoine, Gus na Caoraich a thoirt suas, ’S ged’ a tha ìad pailt do dh’aodach, Tha’n cuid fearrain faoin gun tuath. IV. ’S bochd a’ naigheachd ri èisteachd, ’S tha fios agaibh fèin gur cruaidh, Sliochd nan curaidhein treun-mhor, Dan robh spèis a bhi gun luaigh, Stric a chuala mi fhìn, Aig mo shinnsire iomadh uair, A luighad gaisgeach gast deagh chlì, A bha ’s na lìnnibh dh’ìmich uainn. [TD 90] V. Se fath mo mhulad ri ìnnse, Far an cluinnte pìob le fuaim, E bhi ’n diugh gun chèol gun daoine, ’S meilich chaorach air gach bruaich, Thrèig iad fearalas gàisge, ’S tha’n cridheachan farsuing fuar, ’S gnr è ceaird ’s mo th’achda, Bhi cuir a’s do’n mhadradh ruagh. VI. Slan iomradh do na h uaislean, Da ’m bhèil suairceas agus gràdh, ’S nach do dhealuich ri’n cuid daoine, Gu caoraich a chuir na’n àit’, Bi’dh iad achd a nam a chruadail, Gun guallain a chuir ri spàirn, ’S annsa leò fuaim na musgaid, Na tri’ fichead mult air blàir. VII. ’S cinnteach mise da-rireadh, Nan èireadh strì san Taobh tuath, A chuid diu a lean an sìnnsir, Bhiodh iad cinnteach len cuid sluaigh, ’S ’nuair thèid a bhratach a sgaoileadh, Le Ciobair maol an da chluais, Ann a’n aite phrasgain dhaoine, ’Se bhios achda Caoraich uainn. [TD 91] VIII. Ach nan eireadh oirn le ain-neart, Ar naimhdean a dh’iarrui’ còir, San Taobh tuath bha daoine treubhach, Dheanadh èiridh le Righ Deors’, Ach a nis chaidh iad a dhe’-laimh, ’S chuir an èiginn iad o ’n seol, ’S ’nuair a thig è dh’iarrui’ daoine, Gheibh è Caoraich ann gu leor. IX. Rinn ar misneach ar trèigsinn, Sinn gu leir mar dhamh àn ceo, ’S cha’n fhaic’eir sinn nar ’n èididh, Le breachdan a ’n fhèilidh òirn, Gur è ’s tric a bhios mun cuairt duinn, Casagan luaight’ do’n chlò, ’S chaidh Ghaèlic a’s an fhasan, Aig buithinn nan ad ’s na clèoc. X. Ach na bithinn na’m Diùce, Am cheanas am chùl air sluagh, Am’ cheann fine sa’n dùthaich. ’S lann thana ri’m thaobh an truaill, Fhad sa mhaireadh am faobhar, Cha leiginu le Caoraich buaigh, B’annsa farum fir ghleusta, ’Nam tarraing nan geur lann cruaidh. [TD 92] XI. Nan racha’ m’ordugh a chumail, Bhiodh dòchas a chumant suas, Dh’innsinn sgeoil ann an Lunnain, Chuireadh sèol air mullach cuain, ’S ged’ a thà mi ri cumadh, Se’n snàth a ni chumail fuaight’, ’S mithich sgur do mo Ghàilic, Mun ooisinn mo chàirdeas fuath. [TD 93] ORAN do’n eididh Ghae’leach. Air fonn, Throit mo bhean ’sgun throit i rìum. AN LUINNEAG. Se féile phreasach tlachd mo rùn, ’S osan nach ruig faisg do’n ghlùn, ’S còta breachd na’m basan dlù, ’S banaid dhù-ghorm thogarrach. I. B’ANNSA leam am fèile cuaich, Na casag do ’n èadach luaight’, ’S brigis nan cèanngluichean cruaidh, Gur e’n droch-uair a thogainn dhi. Se féile &c. [TD 94] II. Tha mo rùn do’n eididh las, Cuach an fhèili nan dlu bhas, Shiubhlain leis ’s na flèibhten cas, ’S rachainn brais air obair leis. III. Ge’d s tharlainn ann sa bhèinn, Fad na seachduinn ’s mi leam fèin, Fuachd na h oidch’ cha dean dhomh beud, Tha’m breachdan fhèin co caidridheach. IV. B’e ’n èididh las-bheannach a ’n aoigh, Gu misneach a chuir ann ’s na saoigh, Ri uchd fuathais nan cruaidh shuim, A leigeadh cùing ’sa thogadh i. V. Shiubhlain leis gu cuilm a’s fèill. ’S rachainn do’n chlachan leis fhèin, Tlachd nan. gruagach ’s uaill nan steud, ’S è deas gu feum nan togradh è. VI. ’S ealamh eatrom è sa ghlèann, ’S cuilbheir rèidh fo’ sgè gnn mhèang, A dh’fhagadh Udlaich ceir-gheal fànn, A bheireadh srànn sa leagadh è. VII. Os-cionn breachdan smath thig sgìa’, ’S claidheamh ceanna-bheartach gun ghìamh, [TD 95] ’S air crios achlais dag fo’ dhìon, Ri uchd sìon cha’n agadh i, VIII. ’S math thig biodag air gun tàir, Sgian is forc am fochair dhà, Cul-tiugh, clais-shliosach caolbharr’, ’S cnumh chinn charraichde ghrad-bhuilleach. IX. Do’n fhèile sgiobalt tha mo ghràdh, Dealg nar guaillibh suas gun fhèall, Crios ga ghlasadh las neo-thèann, ’S bi’dh è gach am gu baganta. X. Sann leam bu taitneach è bhi nàird, Nam dhomh tachairt ri mo ghràdh, B’fhearr leam seachdain dheth na dhà, Do’n bhrigìs ghrannda rag-sheallach. XI. ’S caomh a’n èididh ’m breachdan ùr, Sann air fèin a dh’eireadh cliu, Mar sin ’s buaigh larach ann ’s gach cùis, Se dheanadh turn gun eagal air. XII. Nam do ghaisgich dol air feum, Gsidheil ghast gu strachdadh bhèin, Pìob ga spealladh anail rèidh, A chuireadh eud is fadadh ionnt. [TD 96] XIII. B’e sud caismeachd àrd mo rùn, Cronan gàireach bàrr gach ciuil, Brais phuirt mheara leanadh dlù, Clìath gu lùthar grad-mhearach. XIV. ’Nuair a ghlacht san achlais ì, Beus bu taitnich chunna mì, Siunsair pailt-thollach gnn dì, ’S i os a cìonn gu fad-chrannach. XV. Si ’s boiche dreach ’sa ’s tlachdmhor snuagh, Tatrach, sgairteil, brais phuirt luath, Muineal cròm gu ochd nam buagh, Chluinnte fuaim ’nuair ragadh i. XVI. A ri bu ruithleumnach na meoir, Dànnsa brais mun seach gun leoin, Is iad air chrith le mire gleois, Chluinnte strol gu flapanach. XVII. Bheireadh i air ais gu fònn. An cridhe dh,fhàs gu tursach tròm, ’S chuireadh i spiorad ’s gach sònn. Gu dol air lònn gu spadaireachd. XVIII. Fhuair i ’n t-urram thar gach ceòl, Cuiridh i mìsneach san fheoil, [TD 97] Togaidh i gu aird nan neoil, Inntin shoeid gu baitealach. Se féile phreasach tlachd mo rùn, ’S osan nach ruig faisg do’n ghlùn, ’S còta breachd na’m basan dlù, ’S bonaid dhù-ghorm thogarrach. Beannacha’ Baird do’ fhear Chluaini’. CHA b’ ioghna’ ge d’ theiginn gad t-fhaicinn, Fhir Chluaini’ nam piob ’s nam bratach, Ceannard direach clann Chatan, Thug thu dhachaidh ’n dualchuis. [TD 98] ORAN do Chaiptein Shau’ ’an Dal-bheirt am Baideanach. Air fonn, Duchas Mhic-Leoid. I. ’S MI fad ann am thàmh, ragaich mo chàil, ’S maigne air fàs uaimhreach, ’S mo smuaintean a steach, gluasad gu beachd, Lusganach brais ruanach; ’S doigh leam gun dàil, sealltain le fàilt, ’S tarruinn air sgà t uaisle, Chuir neart ann am chrè, aiteas gun bhreug, Beachd air gach sgeul a chualas. [TD 99] II. Cha’n fhaca mi rìamh, ’s taitniche fìamh, Neart ann an gniomh sonruicht. Le Seumas mo rùn, dh’eireadh gach tùrn, Eatrom ’an tus comhstri: Ceannard air cheud, gaisgeil gun bheud, * Sabhaich an dream lodal. A ghluais on t-shar stoc, uasal gun lochd, Dufaich a chleachd mòrachd. III. As t-òige bha clìu, mòr ann a t’ìul, ’Sleoir gu bu chùis dhearbht’ è, A’ d’ sheachd bliadhna deug, b’acuinneach dian, Do bheachd man do chrian Alba: Ann san Eaglais Bhreic b’ inntineach leat, † Gluasad air feachd gharbh-chrioch, Ghìulan thu ’m brat rìoghail a steach, ’Nuair shìn na fir ghasta chalma. * After M‘Duff Thain of Fife got King Malcom the third restored, and with his own hands killed the Usurper M‘Beath; Shaw M‘Duff, lawful son to the said Thain, was made Governor of the north side of the Grampians, his place of residence being the Castle of Inverness, from whom the name of Shaw originated. † Before the battle of Falkirk, the Royal Standard being respectfully escorted to the regiment where our young hero was an officer; the honour of carrying it was by the Colonel proposed to be conferred on the oldest Captain of the regiment, who seemed to decline it; upon which our young officer looking at the Captain with a smile of derision, which attracted the Colonel’s attention, was asked, if HE would think it his honour to carry it in the field of battle; to which he replied, that he would look upon it as the highest honour that could be conferred upon him, were he to die under it. [TD 100] IV. Ann an onair do dhùch’, b’ ealamh do thùrn, Tarruing air chul namhaid; Ri aghaidh nan sònn, gearradh gum bònn, ’S farum aig trom lamhach; O ghlas-lann mo ruin, sad agus smuid, ’S osnuich aig, smuis chnaimhean. Mar thonnan a chuan, spealladh gu cruaidh, ’S cha ghabhadh tu uatha gun phàidh. V. Chuir am freasdal ’a d’ chèann, gibhtean nach gànn, ’S misneach ’an àm cruadail, Bha do thlachd air gach seol, ’an ceartas san còir, ’S tu sheasadh le d’ dheoin suas ris, Ann am Bàideanach ’s tric, fhuaradh tu glic, Bheireadh tu mios air tuath-cheathairnn, Aobhair nam bochd sheasamh gun lochd, Do thoilinntin ’s do shocair bhuan è. VI. ’S tu òg ann a t-aoigh, fhuair thu mar mhnaoi’, Oigh nach ro aon taobh suarach, Mìn farasta ciuin, tarais gun diumb, Carthannach caomh stuaime, Bha taitneas na gnuis chairdeach le ìul, ’S fàilte le rùn suairce, Inntineach àrd, fior-mhaiseach àilt, Dìleas ’s i lan buadhan. [TD 101] VII. A teaghlach na mais, fhuair thu i mach, ’S cha chualas dhoibh droch thuair’sgeul’, A gheug a bha glan, ùrar gun smal, Thriall i o Ailean-chuaiche, Am fuil ’s ann am feoil, bu dileas da pòir, Foirbeisich mhòr uaimhreach, ’S clann Fhiunnla bhraigh bhàrr, nach diobradh fan spàirnn, An stoc as an d’fhas ’s on bhuaint i. VIII. Ciod è ’n sta ni è dhiunn pramh air a cùl. ’S gun d’fholaich an ùir uainn i, ’An Cill-Ribhinn na stuath, sint ris a chuan, Tha i ìosal ri glaodh cha ghluais i, Bha iad cinnteach gu leoir, miltean fo’bhròn, Sgìos ann an seòl uamhar; Mo bheannachd na dèigh ’s nach maireann i fèin, ’S le cabhaig cha trèig mo ghruaim mi. IX. Ann an àite do ghaoil, fhuair thu bean chaomh, Uasal a thaobh nàduir, Do Ghranntuich Shra-spè ’s buaghail an treud, Siobhalta’ treun sar-ghast; Do stoc Thighearna Ghrànnt, bhuaint i gun tàing, ’S Ròsuich an dròing àrda: ’S gur car i da uair, ’an rioghalachd bhuan, Do Dhiuc Gordan nan sluagh àraidh. [TD 102] X. Chaill thu ’s bu bheud, ibht as do sgeith, Sa nise tha te’èile fas ann, Chaidh do lot air do chùl ’s bochd mar bha chùis, Bu dosgainneach ciuirt do shlàinte: Se Màiri, thoirt uait, a thanaich do ghruaidh, ’S nach maireann i buan lamh ruit, Ach ’s i Mairearad le speis, thug èigh air do cheill’ ’Sa leigheis do chrèachdan cràiteach. XI. Tha do chèile san am, teoma gun fheall, Feumail an cèann d’fhàrdaich, Tha tuigs’ agus cèill, tlachd le deagh bheus, Taisgte fo’ sgèith do ghraidhse, Thug nàduir dhi beachd, tàlanda ceart, Foighidneach, pailt, pàirteach, Truacanta ciuin, dualchuas mo rùin, Dalrachanaidh ùr àlainn. XII. Mo runsa gu bràth, dlu rìut ’s gach àit, ’S gach cuis mar a b’aill, buaigh leat, ’S tu a sheasadh a choir cheart le do dheoin, ’Smachdail ’an tus tuasaid: Fearail gun fheall, ceannas air fànn, ’S cathrannach lan truas thu: Tha beannachdan chàich fallainn ’a d’dhàil, Is bheir am freasdal os n aird duais dhuit. [TD 103] Cumha ’n Taobh Tuath. Air fonn, Gur muladach tha mì ’s mo leannan air fas rium an gruaim. (Composed in the year 1783.) I. ’SMI g’amharc le dìcheal, Gum bheil mulad air m’ìnntin as pràmh, ’S mi bhi sealtainn mun cuairt domh, ’S mi faicinn an tuath air an t-snàmh, Ma tha cuid diu ni bhuannachd, Tha cuid èile nach buannaich an tràigh, Gu’m bheil mòran diu briseadh, ’S cha ’n ioghna leam idir mar thà. [TD 104] II. Cha ’n ioghna leam idir, Gar an deanadh iad piosach na stà, On la dh’inntrin an saoghal, Cha robh ’m fearann co daor ’s tha i ’n dràst, Tha ’n Taobh tuath air a leadairt, O dh’ìnntrin an greada so thà, Thug iad uath an cuid daoine, ’S iad na ’s mo ann an saothair gach là. III. ’S iad ni ’s mo ann an saothair, ’S na h uaislean a daorach a mháil, Dh’fhalbh truas o na daoine, ’S tha fuaralachd taomadh na h àit, Cha sheas facal duin’ uasail, ’S dona’ ’n tèist tha ri luaigh orra ’n dràst, Sann tha firinn as ceartas, Na lìnn so ’an ibhtean nan geadh. IV. Firinn is ceartas, Chaidh iad clì o cheann fhada san àite, Tha sannt agus mìorun, Co pailt s nach d’theid di air gu brath, Dh’fhalbh gaol o gach duine, ’S bochd a ghaoir th’aig a chumant gach là, Tha na h uaislean gan spileadh, ’S iad ga mhùn ann an Lunnain an àigh. [TD 105] V. Siomadh fear a chaidh Lùnnain, Sa chaith a chuid uile gun stà, ’Nuair a thigeadh iad dhachaidh, Gnn cuireadh iad sàchd air a mhàg, ’S iad co sànntach gu tarraing. Ri coin a bhiodh tamall gun trà, Sa chuid a dh’fhuirich aig bàile, Tha iad co lùbach ’s co carach ri càch. VI. Tha iad co lùbach ’s co carach, S’ aobhair cùram don talamh an dràst, Gum bheil breitheanais Dhè oirn, Ge b’e b’urrainn a leubhadh le dàn, Tha mi faicinn ’sa lèirsin, Luchd sheasamh na clèire dol càm, ’S iad ’an aghaidh a cheile, Gam bu choir a bhi teumadh le gràdh. VII. Chuir gràdh ruinn a chùlthaobh, ’S tha uaislean ar dùcha co crost, Iad a’ caitheamh co strò’ail, Na tha milleadh ’sa lèonadh nam bochd, A’ toirt uath an cuid stòrais, Gar an cur iad dheth mòran mun seach, ’S air a mhend ’s gan cruinnich iad fhein deth, Cha bhi beannachd Mhic Dhè ann nam pachd. [TD 106] VIII. Cha bhi beanneachd Mhic Dhè ann, ’S cha dean è bonn feuma le tlachd, Aig a mheud sa tha shaothair, Ga thional aig daoine fo’n t-sachd, Cha toir iad an dèirce, Do na bochdan ged’ thèid iad a steach, ’S aobhair mulad ri èisteachd, Na tha agam ri leubhadh d’an lochd. IX. ’Solc an naigheachd da rìreadh, Tha air uaislean na tìre so nis, Chuir iad bac’ air an t-sìonach, ’S mar fheairde sinn fhein è cha mhist, Mo bhios gun air mo ghiùlan, Their iad uile gar dìu’lannach mis, ’S fìu’ coileach nan stuchd-bheann, Cha’n fheud mi mo shùil a chuir ris. X. Cha’n fheud sinn bhi spòrsail, Tha smachd aig Righ Dèors oirn gu lèir, Chuir è achdachan mòr oirn, ’S è gam meudachadh òirn gach rè, Tha è fuilteach ’s cha dheoin leis, ’S è toirt daoine gach lò uainn gu fheum, ’S è toirt uainn ar cuid stòrais, ’S è ga chaitheamh ri gòrraich ’s bu bheud. [TD 107] XI. ’S è ga chaitheamh ri gòrraich, ’S lèir a bhuil san roinn Eorap’gu lèir, Ri America còmh-stri, ’S nach fhaigh è ri bheo iad da rèir, On tha ceartas a’s còir achd, Tha ’m freasdal cuir lèo ann ’s gach ceum, Agus chum è iad dìleas, O na cheud la dh’ìnntrin an streup. XII. Ach a nis on a ghèill è, ’S gun d’rinn iad an reite an aird, Mo dhoigh nach miste sinn fhèin è, ’S gun leasaich è fhein sinn nar càll, Aìg bocad na dùchadh, Siomadh neach a chuir cùl ris an àit, Tha’m peice min air a mhìonaid, Ficheid sgillein sa trì san tigh gheaird. XIII. Siomadh neach tha mun cuairt duinn, Air an glacadh le cruadal sa nàm, Agus neach tha air faoin-tra, Bha sa bharail nach aomadh iad ànn, Chuir a bhliadhnas iad suarach, ’S cha ’n urrainn iad gluasad ach màll, ’S iad a ceannach am beò-shlaint, ’S aid air acras an còmhnaidh na chèann. [TD 108] XIV. Cha ’n ìoghna sinne bhi falamh, Sa liughad uair bha sinn a gearan gun fhath, ’Nuair bha pailteis mun cuairt diunn, Gun robh sinn ro uaimhreach air fàs, Chuir a bhliadhna so cruaidh, Ris gach neach nach do bhuannaich am bàrr, ’S chuir i sachd air an guaillibh. Chumas cudthrom mun cuairt doibh gu bràth. XV. Cha neil feum ann sa ghearan, Sann is còir dhuinn bhi toilicht a ghnà, Leis na bhuilicheas Dià oirn, O n is è am fear riaghlaidh is àird, Sann is docha sinn direadh, Ge do tha sinn co ìosal air làr, ’S ge d’ robh sinn air ar bualadh, ’Sè a chèanglas sinn suas ann an gràdh. XVI. Ach nam falbhadh a chabhag ’s, Ge do tha sinn co falamh sa thà, ’Nuair thig bàr as an talamh, Tha mi ’n dùil nach bi ghainne gar cradh, Ga cruaidh oirn an t-earrach, Tha na h uaislean gun ghainne nan dàil, Cha bhi cuimhn’ air mu nollaig, Tha mi’n dùil gum bi chomaidh ni ’s fèarr. [TD 109] XVII. Ach mo dh’èireas sinn idir, ’S mo thèid sinn air phiseach gu bràth, Bidh sinn treun ann am misneach, ’S thèid na ceudan a thiotadh air sàil, Bidh ar ’n uaislean gun chùram, San cuid fearainn gun sùgh ’s è fàs, ’S mas a fìor na thuirt mise, Gum bi bìadh aig na big a ni tàmh. XVIII. Cha ’n ìoghna sinn bhi gun storas, Sa liughad ni a tha ’n tòir oirn gach la, Cha bhi coinneamh na còmhail, Nach bi caitheamh gu leòr air an sgà, Ge bi àigheir na sòlas, Na mulad no bron bhis nan dàil, Gach ti chluinneas an t-òran, Bithidh iad uile ag òl mo dheoch slàint. XIX. ’Smithich dhuinne bhi gluasad, Fhad ’s tha beagan mun cuart do ar làmh, Mun tobhair iad uainn è, ’S mum bi bhochdainn an dual do ar clànn, ’S olc air mhath ler cuid uaislean, Gheibh sinn fhathast laimh ’n uachdar gun tàing ’S theid sinn an nùnn air na cuaintibh, Do dh’America shuairce so thàll. [TD 110] MAR bu mhath leam bean mhath. MAR thri nithe bu mhath leam bean mhath, Mar Mhac-talla, ’s clag-baile, a’s seileachag nach caruich ’an cath; ’S mar na tri nithe sin fhein cha ’n iarruin bean mhath, Bhi bearr-theangach, glochd-ardach, lom narach gun rath. Mar sheileachaig ’s còir do bhean ro chòir a bhith, An comhnui fuireach le deagh thoil a stigh, Ach mar an t-seileachag cha ’n iarramaid i bhith, Gu cuid a thoirt daonnan air a druim gun dragh. ’S coir do bhean bhi ealamh, mar mhac-talla bheànn ’Nuair labharar ria gun teagamh, freagradh thoirt san àm, [TD 111] Ach air seol eile, mar mhachd-talla cha choir dhi, Am facal mu dheireadh a bhi aic an còmhnui. Mar Chlag-Baile ’s coir do bhean bhi glic, Riaghailteach ’na teaghlach le mor iochd, Ach mar Chlag baile, cha choir dhi bhi air chìnnt, Co labhair ’s gun cluinn am Baile gloir a cìnn. A MHISG. ’S FHEARR a mhisg na bhi gun lethsgeul’, ’S am feast cha choisinn i cliù, ’S tric a bhios è air a lea-taobh, Am fear a bhios ’na freasdal dlu. [TD 112] ORAN Comh-stri eadar mi fhein ’s mo leannan. Air fonn, Tha mi am chadal ’s na duisgidh mì. I. BHA mi air banais am baile ro araidh, ’S chunna’ mi cuideachd ro shìobhalt ann, Daoine ro chinneadail shireadh sa phàidhe, Sa chuireadh iorram ri cheile a’s rànn, Bha aigheir is ceòl is òl is mire, ’S mun seach mun a bhòrd deoch mhòr do ’n fhilidh, ’S ’nuair thraigheadh an còrn, bha sèol air tuillidh, Bha sud ann san ionad bu bhòiche srànn. [TD 113] II. Bha iad gu h iomairteach, mireagach, gàireach, Cridheachan àrd, deagh labhairt nan cèann, Gu furanach, freastalach, seasmhach mar b’àbhaist, Deas air an lar, bu fhreagarach dàmhs’; Gn luth-chleasach gleust, gun bheud a leanadh, Mun seach air a chèile leum sa mhalairt, Ceol fìle ri ’n cluais, meoir luagh puirt mheara, ’S ’nuair rachadh nan cabhaig gum b’èibhinn leam. III. Sè chuir mi gu lea-trom’s ma bheachd ann a gluasad, Dh’ amhraic mi gruagach thait’neach ghrìnn, ’S rinn i mo mhealladh ’nuair tharraing mi suas ria, ’S dh’fhag sud gu gruamach farranach mì, Rinn Cupid le sraonadh m’aomadh thairis, ’S thug fras do na ghaol air slaoid mo bharail, Se ni nach do shaoil leam gaol a thabhairt, ’S far am bi caìleag cha taobhaich mì. IV. ’Nuair bhruithinn mi càirdeach, le tàir thug i beum dhomh, ’S thuirt i le sèist nach robh mi ach òg, ’S gun robh mi co cealgach ri balgair na eiginn. ’Sgun d’thug mi speis do thuileadh sa chòir, Thuirt Seonaid san uair fan uam gu h ealamh, [TD 114] Cha’n fhuiling mi fein, luchd bhreug bhi mairium, Chuala mi’n de ort sgeul’ nach toigh leam, Gum bheil do chuid * cloinne cuir curam ort. V. A Sheonaid a ghaoil na bi smaoineachadh bhreugan, Tha mi air chinnte co shingilt riut fèin, Gun tigh air a bhonn, ’s mi gnn lonn air an d’ theid è, Ge d’ tha mo mhisneach co meinmneach treun, Mun d’thugainn gu brath dhuit, fath bhi aireach, Gun siubhlainn gach taobh air ’m ìul is air ’m-aineol, ’S gun gleidhinn duit lònn gu leor is earras, ’S gun seasainn mar bharant air chùl do sgè’. VI. Co fad sa’s beò mi cha deonaich mi èacoir, Fear thoirt o thè’eile ’s coma co dhìu, On tha thu ga aicheadh ’s mi àraidh do bheusan, ’S gum bheil do chèile seal air do chùl, Do theanga co mìn, air ti mo mheallaidh, Le farum do bheoil, mor sgleò ga labhairt, Do chridhe san fhaoill is tu toinnt mar charraig, ’S gun toir mi mo ghealladh nach pos mi thu. VII. Bheir mi comhairle chàirdeach an drasta’s na trèig i, * Dh’innis fear eile dhi gun ro mi posta. [TD 115] Na creid droch sgeula am feast air mo chùl, Bean cha do phos mi is cha’d’ dhèonaich mi fein è, Ged’ tha luchd bhreug a’ folach mo chliù, Ged’ bhithinse lòm gun fhònn gun fhearann, Mo Mhaireas mo shlàint cha ’n fhàillnich t-àran, Bheirinn oirp’ ri fuachd air chuantan fallan, ’S cha deanan do mhealladh na faodamaid. VIII. Thainig gart air mo chaileig, is gheallaich a gruaidhen, ’S coslas an fhuathais dheallraich na cli, Dh’ fhuasgail a teangaidh sam breamas ga gluasad, ’S bhirich a cluais gu teannadh ri strì, Fuirich air tais air dheagh grad leagadh mi, Fras do na ghloir a’s geura fhreagarais, Cloidheamh mo bheoil cha lèon an t-eagal è, ’S balaoch co beadaidh cha treoraich mì IX. Gur mo is garbh leam co searbh ’s tha do chomhradh, ’S mise bhi ’n comhnui’ taraiseach dhuìt, Bha mì san earbsa gun dearbha, tu còir dhomh, ’S gur è do bhòicheid chuir mi fo’ luchd, On rinn thu mo thrèigsinn, ’s fheadar dealacha’, ’S òisnich mo chlèibh a’ g’ eiridh thairis orm, Mo chridhe san uair mar fhuathais mara, ’S na smuaintean bha tairis aig leumartaich. [TD 116] X. Ged’ tha mi ga d’ t-àicheadh na fàgadh sud griaim ort, Comhairle uamsa gheibh thu air ais, Mar thuirt an seann ràite’s robh araidh san uairs’ è. Tha iasg ann sa chuan co math ’s thainig as, Cuir do lion ann an ordudh seolt gun aineol, Mar mharaiche deonach choir na mara, ’S mo gheibh thu fo’d’ sgoit i, treoraich call dhi, ’S bheir mi mo ghealladh nach diult i thu. I love, I serve, One whom I much regard, Yet for my love, Disdain is my reward. Tha mo ghaol ’s ma sherbhis buan, Don neach do’m mor ma thlachd, ’S air son mo ghaol se fhuair mi, Fuath mar dhuais air ais. [TD 117] ORAN Sugraidh agus comhairl do ghillean oga air eagal agus gum faod iad a bhi air am mealladh fo’ thuinn. LUINNEAG. O thu tha mi fhéin fo’ ghruaman, ’S cha ’n ioghna’ dhomh gluasad duilich, ’S na h uile fleasgach tha san dùthaich, A cuir sùrd dhoibh fhein air crùinneag. I. ’S FHEARR leam fhein bhi buain na mòine, Ann am aònar ann sa mhuna, Na bhi air banais a Bhorlum, Chuireadh i mo bhròn an truimeid. O thu, &c. [TD 118] II. ’Sann air a bhanais th’ann sa Bhòrlum, A tha spòrs ’s cha ’n ann sa mhuna, A h uile fear ’sa leannan lamh ris, Ag òl air an slàint le uram. III. Gheibh iad uisgebeath nam pìob ann, ’S cha ’n fhaigh mis ach cìob sa mhuna, ’S cha neil ni ann a ni stà dhomh, Ach an làgan tha sa chuman. IV. Gum bheil banais ann sgach àite, Is iad co nàdurach gu mire, ’S tha na caileagan co sàighte, ’S nach eil stà dhomh dol gan sireadh. V. Cha neil Breabadair na tàileir, Nach fhaìgheadh a dhà le furan, ’S cha ’n fhaigh mi h aon ni mo thàladh, ’S fhada shàraich iad mo mhulad. VI. Struagh nach mis’ a tha sna h Innsein, Far an robh mi fhèin an uraidh, ’S geibhinn caileag laoghach bhòigheach, ’S i co geal ri mòinteach monai. VII. Gheibhinn caileag laoghach ghrèannar, Agus a ceann mar an duileasg, [TD 119] Sa bragad co geal ri ròcas, Fo’ dearg bheul o’m bòiche thig iorram. VIII. Cha ’n iarradh i bheag a dh’èadach, ’S cha bhiodh saothair ann na cumail, Sa chaoidh cha chuireadh i brògan, Air na spògan a bhiodh cuimeir. IX. Ge b’e dheanadh èisteachd tra rium, Dh’innsinse dha pairt da chunnart, Far an d’theid a chlach a charamh, Sann is nàdurra’ dhi fuireach. X. Cha bhi tigh seinnse gun stòp ann, Na banarach Bhò gun chuman, Nollaig mhor cha bhi gun fheoil orr’, ’S bean le deoin cha bhi gun duine. XI. Cha bhi duine glic gun èolas, Na giomanach còir gun ghunna, ’S cha bhi amadan gun ghòrraich, ’S cha bhi leanabh òg gun churrachd. XII. Bithidh gillean òga gun sùilean, ’S b’e n t-ùmaidh nach deanadh mire, ’S bithidh duine gun mhisneach nèonach, ’S bi’dh cailleach fo’bhròn a’ tuireadh. [TD 120] XIII. Far am bi cearcan bi’dh gràchdan, ’S bithidh mnathan ri ràsan cumant, ’S bi’dh cuir sna caileagan òga, ’S cha bhi duine bèo gun chunnart. XIV. Tha mhuir a lionadh ’sa tràghadh, ’S tha na feigh ’an àird a mhunaidh, Cha bhi duine misgeach nàrach, ’S bi’dh colla gun cheann gun iomairt: XV. ’S mar bi thu sichdeir as toige, Gu còmhna’ na coise tinne, ’Nuair thig an aoise le clòchda, Bi’dh cuip ann na dòrn gu t-ioman. XVI. Bheirinn comhairle le durachd, Do ghillean na dùch-sa uile, Gun bhi cabhagach gu pòsadh, ’S gun bhi gòrach ann na iomairt: XVII. ’S mo tharlas tu ’s i ’an uaigneas, ’S gun d’thìg buaireadh air do spiorad, ’S daor a phàigheis tu do chèili, Mo dh’èireis tu air a mullach: XIX. Cha neil Minesteir na Eildeir, Nach bi air do dheigh gun fhuireach, [TD 121] ’S ge do ruigeadh iad do lèine, Paidhe tu na theid a shireadh: XX. No dhol a dh’ ionnsaidh na clèire, Le tè dhiu sann leam bu duilich, ’S fhearr leam fhein bhi buain na mòine, Ann am aonar ann fa mhunadh. MUILER MASACH. ’NUAIR chaidh ’n corn a lionadh ’s ’nuair shin a chagair, Dh’fhalbh am muiler màsach a mach le graide, ’S coineal ’na làmh chumail slan a chlaigin, ’S nam biodh i na thòin, bhiodh an ceòl na b’fhaide. [TD 122] ORAN do’n Tàileir ’s do na h osanan. Air fonn, Fa’il uil h o ro Thomais cha bheag orm thu. I. ’SMULADACH a ’tà mi, ’S mi-chàilear gun acras mi, ’S le feinealachd mo naduir, Cha dàna dhomh ceartachadh, Mo smuaintibh bhi ga’m fhàgail, Gach là dol air seacharan, ’S co-luath sa chluinneas càch è, ’S è ni iad gàire fochaideach. [TD 123] II. ’S mise th’air mo bhuaireadh, Se ’m bruaidhlein ’s fhasa dhomh, Bheir na gillean ùpadh, Ge’n taobh san dol seachad dhomh, Na caileagan ga’m fhagail, San Taileir a’ fochaid orm, ’S na rinn è orm do èacoir, Gun dean mi sgeula farsuing dheth. III. Thoir fios do bhail’ Mhìc shìom uam, Oir sìnidh mi’n toiseach ann, Far am bheil an Tàileir, Rinn grànda na h osanan, ’Nuair thèid iad an airde, Gum bi iad crandaidh pachdanach, Agus car mun cuairt ionnt ’S mi-chuannta, neo-shochdrach iad. IV. Cha bhi mi g’ìnnse an dràsta, Do chàch mar tha na h’osanan, ’S mor a fhuair mi chàineadh, ’Nuair chuir mi ’n àirde toiseach iad, ’S cha lugha fhuair an Tàileir, A ghearr co mhi-choltach iad, ’S tha iad lionar ann san àite, Toirt tàir do na h osanan. [TD 124] V. B’e sud an cadadh dàicheil, Ge’d chuir an Tàileir cratan air, ’S le mheid sa ghabh è thàmailt, Gun d’fhàs è cho chrapanach, Bha cuid dheth mar an sgàrlaid, ’S bha cuid mar bhàr na lasair dheth, ’S a nise ris a ghrèin, ’S gann is leur dhomh na basan ann. VI. ’S mor a rinn è dhè-laimh, Dhomh fèin, is chuir è cratan orm, ’Nuair thug mi as a chèil iad, ’S na brèiden, a strachdadh dhiu, Se Jain Gobha thàinig, Sa thug le fàilt na achlais iad, ’S gar barail leam sa chùis ud, Gun mhùin è tighinn dachaidh orr’. VII. Se Jain Gobha a’s Seumas, A rinn an èacoir fhaicsinneach, Diar-daoin cho moch sa dh’èirich Iad fhein as an leapuichean, * Bhris iad air an òrdudh, Chuir Deòrsa a Sasgan duinn, * S ann air la trasgaidh rinn an taileir no h osanan [TD 125] Ge d’ thainig sgeula an tir so, Le aithn an Righ gun traisgeadh iad. VIII. Ach thoir mo shoraidh ’n Lèibhis, Mun d’thèid mi ni ’s fhaisge dhoibh, Gu Deorsa Ròs an t-Eildeir, Oir ’s gille feumail tapaidh è, ’S math leam air mo chùl è, Gu cunntas thoirt seachad da, ’S gun cuir e thun na clèir iad, ’S gum faigh iad fhèin ann achasan. IX. ’S mar dean iad mise ’n àird, Ann sa chàll nach do choisinn mi, Le paithir chuir nan àite, Their cách gum be’n dochair è, Theid mi feadh na tìre, Leam fheìn is bheir mi pochda leam, ’S bi’dh naigheachd ùr ’s gach àit achd, Air Tàileir nan osanan. [TD 126] [TD 125 san leabhar fhèin] ORAN don Luing is do dh’fhear obair a chuain. Air fonn, Piobaireachd. SEONAID. I. URLAR. ’S CUIMREIGEACH mo sgeula, ’S gur dòchasach, ’S iomlaideach mun d’theid i. An ordudh dhomh; Sud a b’ait leam fèin, Long fo’bbrat air ghleus, Air cuan farsaing reidh, A measg mòr thonna; [TD 127] [TD 126 san leabhar fhèin] Si bu taitneach ceum, Fuathasach gu leum, ’S gluasadach ’Nuair dh’eireadh an ordaig orr’: Muir ag at mu bròinn, ’S darach gast gun fhòill, Mu craitich A’ daingeacha’ còt orra. II. URLAR. ’Nuair rachadh ’na h èididh, Gun leòn orra, Gheibhte fir èatrom, Ga còmhdachadh, ’S iad gu h ealamh teum, Mun seach air a cheil; A teannachadh bhrèiden, Le còrcraich; Gu fulangach treun, Cullaideach gun bheud, Urram gach deagh bheus, Aig na h ògannaich; Seolta fearail geur, Eanchuinneach dhiu fein, Gun uireasbhuidh fòghlum, ’S bu choir dhoibh sud. [TD 128] [TD 127 san leabhar fhèin] III. URRLAR. ’Nuair rachadh fo’fhèilidh, Nan sgeod-eadach, Bu statail i fhein, Le cuid mòr-bhreiden; Greis a’n ilse sleibh, ’S Greis a’n airde beinn, ’S greis a bhiodh i proinnte, Le mor Shrullach; Chluinnte farum raoichd, Aig mo Shèonaid, Ri anail na stroichd, Mhealladh boc-bheinneach; Si bu bhinne sèis, Nam dhi tarruing rèidh, ’S mor mo thlachd dhi fhein, O tha ’m eòlas orr’. IV. SIUBHAL. Nam gluasad o challa, Le darach gun leòn air, Air uachdar na mara, Gum b’ fharumach Seònaid, Suaicheantach callar, Sa cluan ris a’n ain-iochd, [TD 129] [TD 128 san leabhar fhèin] ’S i caoin air deagh tharraing, Gu gearradh na mòr thonn; Gu cupallach, uchdarach, Luchdaideach, sonruicht; Gu muinealach, cuirealach, Urramach, seolta, Gu luth-chleasach ealamh, Gun tucha na h anail, ’S i dubailt mu beanna’, Gun ain-fhocal còmhradh. V. SIUBHAL. ’S i fad-cheumach. grad-lèumach, B’astarach Séònaid, Gu flapanach, glac-shiubhlach, Sgaiteach roimh mhor ghaoth, Gu mìsneachail, clisgeideach, Dripeil sa’n iteig, ’S i daonnan a briseadh, Air sitrich na dòlainn: ’S neo-achdarnach, tatarach, Statail gun mhorcuis, Air cirein nan at’-mheall, Gum b’acuinneach Seònaid: Tre’ fhuathas gun charann, A’ gluasad gu h ealamh, [TD 130] Sa guaillen am fallach, Far nach fhaithnich an ròn i. VI. SIUBHAL. Bu truagh leat a faicinn, A gleachdadh am foirneart. Cha b’ioghna’ ge d’ mheathadh, An craicion san fheoil dhi, Gach tonn rachadh seachad, Bheir steall air a craitich, ’S bu trom an cuid sgailcean, Na h achlais an còmhnaidh: Air a sgiursa’ gun ath-truas, San ceartas sa chòir aic’, Cha do thoill i droch fhacal, ’S cha ’n fhacas a gòrraich; San a bhios i ri acain, Mar shaighdeir air faiche, Theid a ruith gu mi-cheart, Tre na slatan gun dòbheirt. VII. URLAR. Bu treun air uisge buan i, ’Nuair sheòladh i, Na gnuis cha’n fhaighte gruaimein, Ach, moralachd; [TD 131] Caomhail, carant, stuaim, ’N aonach geal a chuan, Dh’aomadh i mun cuairt, Mar biodh foir-neart orr’; Croinn don ghiubhas bhuan, Dileas, fallain, cruaidh, ’S lionmhorachd a buaighein, Cha ’n eòl domh iad; Glan gun fheachda’ cùil, Os-cionn darach ùr, Subailt gallan cùraidh, ’S è mor-spionnach. VIII. URLAR. Na slatan le deagh chli, Air an ordachadh, Tarsuing ri na siantanan, Dolainneach; Gaoth ga’m flapadh sìos, Ri croinn fhada dhìon, Sa h acuinn a diosgail, Le mor fhullasg: ’S fulangach deas dian, Croinn fhada neo-chrion, Na gallanan biothach, Bu bòiche leat; [TD 132] Dearg don ghiubhas chri’, Calbhar nach gabh sgios, San onfhas, Mar dibir na corduhh iad. IX. SIUBHAL. ’Nuair shineas an tartraich, ’S na glachdanaibh mora, Bi’dh sliom air a craitich, Sa h acuinn fo’ ronais; ’Nuair dh’eireas i muiteil, Bi’dh sgè air a trusgan, Se dh’fheumas i tuiteim, Ri uchd nan tonn lòdail; Bithidh fairge ga crupadh, ’S ga druiteadh ma còsa, ’S i fiaradh na mara’, ’S ga gearradh le mòr-neart, Bi’dh ceann ann am fàlach, Le garbh thonna màra, ’S ’nuair dhireas i ’m beàlach, Cha n aithnichear leòn orr’. X. SIUBHAL. Stoirm coslach garbh còpach, ’S trom osnuich ’s na speuraibh, [TD 133] ’S nèoil shiubhlach gan sgiursadh, Lan dubhlachd nan eugais, ’S gaoth ghreannach ga stranna’. Air fairge ghlas ghleannach, ’S i bòchdadh tuinn mhara, ’Na meallanaibh beacach, Bi’dh fairge ghlas-thonnach, Mothar, lonnach ri gèisgeil, ’S ard uisgeachan bronnach, Cop-mhollach aig èiridh, Re luasgan neo-fhurastach, Gluasadach, fulasgach, ’S bruaidhleneach, siubhlaideach, Muir tre chèile; XI. SIUBHAL. Manntal garbh caiteneach, Stapanach cìar-dhubh, ’S i tonn-ghorm tar-lachdainn, Tiubh lapanach ìargalt, ’S i ’g at’ na garbh-bheannaibh, Gu cnochdanach rangach, Ri roitlich a’s strannail, Le anail na fiarbhailt: Fuathas nam fad-thonn, Sa mhaidin bu leur dhuinn, [TD 134] Dubh-ghlasach, trom-lapach, Garbh-ghartach, sèideach, Gu masganach, rat-mheallach, Glac-shilteach, slap-thonnach, Strachd-ropach, clais-shinnteach, Rochd-sheallach, liath-dhubh. XII. URLAR. Gach bacbd dhi air a lionadh, Gu teudanach; Bu phailt a cuid striana’, Gu geur-chuiseach; Tre rathanna mìn, Buill ga’n draogha’ dion, ’S cheangailt gu daingean dileas, A Gleus tharraing, Slionar tobha caol, Ploc is rathann maol, Crocht’ air gach taobh dhi, Mar dh’fheumadh i, O Stairn mo balla chit’, Sa fior ghoile liont’, Gu crann a’s doile direadh, Na fèin thoiseach. [TD 135] XIII. URLAR. Chuirt i air gach aon achd, A b’èibheinn leinn, Le neart air a taobh, Gu grad-leumanach; Chuirt i air a taobh, Sa slios ris a ghaoth, ’S fir beachdail, ’S iad daonnan re speuradrachd; Bu gheur-sheallach suil, Fear chumail na stiuir, ’S fear eile toirt uil, D’a cuid ceumanna’, Sheasamaid gu dlu, Gun ghaiseadh re tùrn, ’S cha bhiodh radhad cùil, Air an trèigeamaid. XIV. SIUBHAL. Bhiodh surd air na gillean, Nan iomartas còmhladh, Le dicheall gun mhilleadh, Gu grinne na seola’, Bhiodh eadach ga tharaing, Le taoduibh air bheannaibh. [TD 136] Ga sgaoile re crannuibh, ’S bhiodh deannadh air Sèonaid; ’S iad trusgant nan èididh, ’S iad eatrom an comhnaidh, Gu direadh nan cranna’, ’S gu ceangal na corcraich; Gu cap-mhollach, breac-leineach. Fad thrusach, gartanach, Seachaideach, stoiceineach, Bucallach, brogach. XV. SIUBHAL. ’S iad gaisgeil gu cruadal, Fir chuannta mar b’àbhaist, Cha’n fhaca’s cha chuala mi, Sluagh a thug bàrr orr’. Fir-obair nan cuaintean, Tha cunnart doibh buailteach, ’S cha ’n obadh iad gsuàsad, Air stuathana sàileach, Nam fuathas a teanna’, Gur cabhagach càileir, A togail sa leagail, Gun eagail gun sgà orr: Bhiodh fuaim aig an fheadan, Sa chuanaird ga fhreagairt, [TD 137] ’S bi’dh croinn nan seol beaga’, Gan leagail on àirde. XVI. SIUBHAL. Nuair theid i fo’ bhreidein, ’S gaoth geur air a sgeoit orr’, ’S i b’astaraich eatrom, Na Eelten Bhèinn Dorain, Bhiodh Caoilte ’s Cuth Cbulain, Maraon air an uilean, ’S rì h aonach cha b’urainn, Iad cumail air mòintich; Fhuair i uram air luaith’s, Tha mor uaisle na pòiren, Muir chaiteanach bhuan, Sè bu bual di o h òige, Nam taraing gu rèidh, Air muir gharanach shleiteach, Cha mailleig i ceum, Do na cheile bh’aig Mòrag. XVII. URLAR. Smor tha bhuaidhen grinn, Air mo Sheonaid, ’S e marcachd air lìng’, A chuan mhoir-bheul, [TD 138] A nam dhi tighinn gu tìr, Sa h achdair a chuir dhi, Bi’dh gaisgich gu h inntineach, Ceol-mhor, ’S bi’dh surd air leagadh phìos, Cuir air falbh an sgìos, ’S pòg do chaileag mhìn, Se bu deònach; Deoch slainte na tha uath’, Sior da cha chuir mun cuairt, ’S cha dhi-chuimhnich, Na h uaislean ud Seònaid. XVIII. AN CRUNLUATH. Be suaitheantas mo chaileagsa, Dubh is geal le chèile, Ri crann geal direach gallanach, Air èarr mo chaileag spèiseil; Suaimhneas rioghail Breatanach, Aig fir nach diobradh seasadh leis, ’Nuair dheanadh gaoth dearasan air, Bhiodh confhadh cas-ghradh geur orr’, Gu b innsgeanach beò-fhearalach, A ’giollachadh re chèile, Bhiodh croinn is siuil gan teannacha’, ’Nuair chite an sgal a’ g èiridh, [TD 139] Luch bèirt is treun a charaicheas, A dh’faothuicheadh ma balluibh i, ’S ’nuair, rach’an sèid ud thairis orr’, Gum b’fharast i fo’bhrèidein. XIX. CRUNLUATH. Fir stiuire leathann leadara’, An t-eagal cha bu deoin leo, San suil air fuaradh bi-dheanta’, Cuir misneach sa’n fhear sgoide, ’Nuair thig i ’s gair an as-caoin aic, Na fraochan caoingheal sadanach, Cha toir è oirleach fasadh dhi, O cursa ceart cha shròin i, Bi’dh gàir mu guaillen thoisich aic, ’S i copadh na sad glè-gheal, Ma h arluinn chluinnte ’g osnuich i, ’S bidh rotall as a diaigh dhi. Bi’dh smuis, is smais gu h aindeonach, ’S gach aiseinn, glun, is ceangal di, Cha bhi tairn, na lann, na barroinn, Ann san darach nach toir èibh ast. Gur luthar deas na maraichen, ’Nuair theannas iad ri cor-ghleus, O grunnt thig uisg’ le h ealamhachd, O h uirlinn glanaidh seoid i; [TD 140] Mar cunntar e mar amaideachd, Chuala mi mar shean-fhacal, Gun stoladh i, ’s gun sgiureadh i, Na b urainn i ach posadh. B’FHHARR leam dol an cuil le caileag, Na dol a throt ri sgùirsar caillich, Teangaidh bheumnach, gheur is i tana, Is pòinsean na beul mar ghath n’aithreach. [TD 141] ORAN do Ghillean Mhaoi’linn. Air fonn, Chunnaic mi’n damh donn ’s na h eildean, Direadh a bhealuich le chèile. LUINNEAG. ’Naile tha mo run don phàirte, Gillean Mhaoi’linn caomh luchd Gailic, ’Nàile tha mo ruin don pairti’. I. SUD na fleasgaich nach ’eil mìothur, Trian don tlachd cha dean mi ìnnse, Criodhail, sgairteil, tatrach, cìnnteach, ’S iad nan linneigeadh don Ghàelic. ’Nàile tha mo, &c, &c. [TD 142] II. Bannsa leam bhi ann a Maoi’linn, Ma ri Gillean criodhail, gaolach, Na bhi’n Sasgan ma ri daoine, Far nach d’fhoghlum iad a Ghàelic. III. Bannsa leam a bhi mun cuairt doibh, Na bhi ’m Peairt a measg nan uaislean, Sud a bheairt nach dean mi suas, Bhi gamhrac guanagan nan sràiden; IV. Sud na Gillean a tha seasgar, Thogadh fonn neo-throm mu fheasgar. San tigh òsta stoip gan leagadh, Air ath-leasacha na Gàelic. V. ’Nam doibh cruinneacha’ ri chèile, Leam a b’ait e bhi ga’n èisdeachd. Ceol bu bhinne leam na Chèiteag, ’Nam dhoibh fhein a bhi’s tigh thàirne. VI. Slionar ùmaidh th’air a mhachair. Chuireas mùig orr’ san dol seachad, ’S ceò dùint air grunnt an aigne, O nach d’altrom iad a Gáelic. VII. Bi’dh mi ’g innse an cliu le teastais, Ann ’s gach àite ’n dean mi seasadh, [TD 143] ’S on a tha iad fhèin co freasdlach, ’S math leam fèin gun easuibh slan iad. VIII. Bi’dh mi gluasad uatha gun airteil, ’S cha nann sgi tha mi do ’n cnacas, Cha d’theid mi air thi na machrach, Bheir mi sgriob do Lagan-rata’. [TD 144] ORAN do dh’ Uilleam Lòban agus do’n tinneas Chritheanach. Air fonn, ’Nuair a bha mi aig an t-seisein. LUINNEAG. A bhean an tigh thoir leat an dràma, ’S faiceam botal agus glòine, ’S cha bhi cuimhn’ againn air gòinn, Agus àinnis cha bhual sinn. I. FHAD sa mhaireas dhomsa stòras, Agus airgiod ann am phòca, ’S fhad sa d’fhanas mi gun phòsadh, Bi’dh mi’n còmhnaidh uaibhreach. A bhean, &c. &c. [TD 145] II. Am fear a’s mo a ni a shaothair, ’Si’s mo a ghleideas do’n t-saoghal, Thig fear eile ni a sgaoileadh, ’S cha bhi caonadh uair air. III. Thoir soraidh uam gu Uilleam Lòban, On is gille cridheil còir è, Nan tarladh è mun a stop rium, Chòrdadh sìnn mun cuairt da. IV. Thoir mo shoraidh ’n ionnsaidh Bhàird, Th’ann am braigh bhaile ’n Fhèarna, Fear is minig a ghabh fàth, Air tàladh ris nan gruagach. V. Am fear is tric a bha gam frèasdal, Is cha b’e mhiann bhi as a ’n èasbhui, ’S air a mheud ’s gan dean è chlèasachd, Cha toir sèisein luaigh air. VI. ’S iomadh tè rinn feum do dh’Uilleam, Eadar Duneadain is Lunnain Far an d’fhuair è céil’ a dhunach, Dh’fhag i muineal cruaidh air. VII. ’S iomadh ceum a rinn è ’n àstar, Eadar Albainn agus Sàsgan, [TD 146] Agus àit an deach è sèachad Mun do ghlac è gruamag. VIII. Sud an cèile nach ro sòchdrach, Chuir i è fhèin o chòsnadh, ’S on a dh’èirich dha bhi sòchrach, Tocharadh cha d’fhuair è. IX. Sud an ceile nach ro grèannar, Thug è dhachaidh thun a ghèamhraidh, ’Nuair a shineadh i air drandan, Thigeadh grèann an fhuachd air. X. Cha chuala sinne leithid a chèilidh, Sa thug Uilleam th’ar Duneadainn, ’Nuair a shineadh è air gleus, ’Si fhein a bhiodh an uachdar. XI. Bidh è air chrith cho luagh re duileig, ’Nuair a shìneas i air tuire, Chuir i nial an aoig air Uilleam, Solc am buill’ a fhuair è. XII. Gur cruaidh fhortan a bha’n dàn da, ’Nuair a ghabh è ceist air gràineig, Dh’fhag i dh’uireas’aidh air slàint’ e, ’S dh’fhag i bàn a ghruaidhean. [TD 147] XIII. Chail e mhisneach ’s dh’fhàs è dubhach, Agus dh’fhag i è fo’ chumha, Thug i dheth an direadh bruthaich, ’S thug i ’n siubhal luath dheth. XIV. Fhuair è i gun fhios da chairdean, ’S cha tuigeadh i facal Gàilic, Struagh a rìgh nach d’rinn é fàgail, Air taobh thall dhruim-uachdair. XV. B’e bhann-sasganach gun nair i, ’S fhada lean i è air fhaileadh, ’S duilich leam nach d’fhuair i bàs, Mun d’thug é nall gu tuath i. XVI. Cha ’n ’eil feum bhi g’innse nàduir, Si’s dona th’ann san àite, Ach a nis on rinn i fhágail, Tha è làidir uaibhreach. XVII. ’S math leam fhein gun d’fhalbh i rithist, ’S mor a chaomhainn i dhomh bhruithinn, Cha d’rug i dha mac na nighean, Ge d’ chritheadh i luath air. XVIII. ’S ge do bhiodh i na bànntraich, Cha bu mhath leam i bhi teann orm, [TD 148] Tha i coltach ris a ghèamhradh, Tha i crànntaidh fuarail. XIX. Fhuair è nise cuibhtes breunag, Olc air mhath le mhuinnter chèile, Sa Shasgan cha d’theid è fhèin, Gu t’eile thoirt am fuadach. XX. Nuair a thig an fheill-màrtainn, Bithidh è criodhail mar a b’àbhaist, Ghuidhinn fhein gum biodh i bàght’, ’S guidhidh càch an-uair dhi. XXI. Lion am botal dhuinn le fàilte, Ach gu ’n òl sinn a dheoch slàinte, ’S na biodh curam ort a paigh, Ge bu chàrt da-uair è. [TD 149] ORAN do theaghlach Choire-mhonaidh. Air fonn, “Wat ye wha I met yestre’en.” I. ’NAILE ’s mise th’air mo sheòl, ’S Gar mor ma chòir air criodhalas, ’Slionar neach a bhiodh do m’ chàil, Nach tar a bhi cuir bruithinn air, ’S mi bhi smuaineacha’ gach lâ, Gum bheil mo chairdean fritheailteach, ’S ge do bhithinn ’s ann sa chèo, Se Coire-mhonaidh ’s dlighe dhoibh. II. ’An Coire-mhonaidh b’e mo rùn, Bhi ann an cùil am shuigh ann, Far an cluinein fuaim am beoil, ’Nuair thòisicheadh a bhuithinn ud, [TD 150] Bu toil-inntineach an ceol, ’S bu mhor an sòlas cridhe dhomh, A bhi ga’n amharc mun na bhòrd, ’S na h òrainean gan suidheacha’, III. Bu bhinne leam na fuaim nan teud, An guth bu mhilse bruithinn ac, ’S iad is grinne theid air seòl. Nan smeorach le cuid ribheidean, ’S bi’dh gach focal mar is còir, A’ tighinn gu’m beoil on criodhachan, Le nàduir thaitneach phailt gu leoir, San dochas mar bu chuidhe dhoibh. IV. ’S ’nuair theid Alastar air ghleus, Gur tearc am beul ni aithris air, ’S b’e toilinntin Thighearna Ghrannt, ’Nuair dheanta an rann a gabhail da, Cha’n ’eil ann an deas nan tuath, Na chuireadh duan na laighe ris, ’S mor a thlachd am measg daoin’ uaisl’, ’S geur-bheachdail cruaigh gu labhairt è. V. Agus Fear Tagraidh mo ghraidh. Gun cuir mi fàilte fhathaist air, ’S o chaidh è Dhuneadain uainn, Gur beag mo ghruaim on la sin, [TD 151] Cha’n ’eil Granntach san taobh tuath, Co fada shuas sa chathair ris, ’S fhearr leam fhein na mile crun, Gun d’fhuair è tus an rodhaid orr. VI. Sa h-uile h aon dhiu b’e mo mhiann, Bhi dionach ann nan ath-eadach, Sa chuid diu nach ’eil san tir, Toilinntin ann nan la dhoibh, San deoch slainte mun a bhòrd, Gum bheil na sleoir a gabhais i, Sa h uile h aon nach dean a h òl, Gun tuit an t sron gun athadh dhiubh. VII. Do Choire-mhonai’ soraidh uam, Mun d’theid mi suas a rithist ann, Gu Miss Sine coisinn cliu, ’S bu mor a chuirt domh bruithinn ria’, Dheanainn gnothach air a cùl, ’S cha bhiodh an turn ud mi-thapaidh, Sa deoch slainte le mo dheoin, Gur mise dh’olaidh criodhail i. VIII. ’S cinnteach mi ged dheanainn pàirt, Le dan a chuir ’an uigheam dhoibh, Trian do ’m buaigein ’s don is lèir, Dhomh fèin gad dheanainn bruithìnn air, [TD 152] Struagh nach mise th’ann am Bhàrd, ’S nàduir gam shìor fhrithealadh, ’S dh’innsin beagan do mo chàil, Sa ’m pochda’ chaich cha bhithinn-sa. IX. An teaghlach rioghail, fior-ghlan, àilt’, Gu sgiamhach, pàirteach, aoidheachail, Gu miosail teisteil, seasmhach ard, Gu luthar, làider, uigheamail, Gu surdail, muirneach, cuirteil tlà, Gu h iochdmhor, gràdhach, suigheachail, Gu faoilteach, caomhail, caoin ri càch, Gu sugach, làn, caomh-chridheachail. X. ’S iad suilbhear’ ait, làn tlachd gun ghruaim, Gu foirmeil, buaghail, aigeantach, Gu sgairteil, macant’ mar bu dual, Gu taitneach, suairc, neo-abarach; Gu ceolmhor, òlar, seòlta, buan, Gu fearail cruaidh, gun raigeantachd: Gu tuigseach, glic, lan meas an uaisl’, Gu bruidhneach stuaim gun bhabarachd. XI. Cha b’ioghna’ ge d’ a bheirinn spèis, Don dream a threig an atharsachd, Ceann uigh phiobaran is Bhàird, ’S nach fhaic a Ghàilic fhathabach, [TD 153] Bha i roimh so ’na tràill, ’S cha rachadh fâilt’ a ghabhail di, Ach tha i nise fas fo’ bhlàth, ’S i meangach lan neo-authaltach. XII. Ge b’e dheanaidh riu strì, Na chuireadh mi-ghean rathaid orr’, Air a mheud s gam biodh dhiu am, Gun d’thugadh Ghranntaich tabhaich dhiu, ’S Coire-mhonaidh ann an spàirn, Cha bhiodh mo dhèann co athaiseach, So liuthaid curaidh treun gun fhèall, A ruisgeadh lànn an la sin. XIII. ’Slionar sine san taobh tuath, A bhiodh an cruadal catha leò; A sheasadh leo’m bog san cruaidh, Ged’ bhiodh am fuachd sam padhadh orr’, ’S foth bhreachdan an fheile’ chuaich, Gu’m biodh an sluagh co aitheireach, Gu h eatrom, tapaidh, sgairteil luath, Sè las mun cuairt dam meadhonaibh. XIV. ’Nam dhoibh cruinneachadh gu lèir, Gu laider treun neo-athaiseach, Bu bheag ’m fharmad ris an dreàm, A bheireadh beum mi-chathair dhoibh, [TD 154] Bu lionar colainn ann gun cheann, ’Nuair bheireadh Granntaich la dhoibh, Piob ga spealadh srol ri crànn, ’Nam tarraing lànn gu sgathaireachd. XV. ’S truagh nach mise dhiongadh triuir, ’S gun rachaiun dlùth ’s cha b’ionghantach. Le gunna Glaichd ’s lann glas rim thaobh, ’S biodag ùr gun sitheadh innt, ’S fhad sa mhaireadn dhomsa lùs, ’S luaidh ’s fùdar chitheanach, ’S paithir chrochdan ri mo cheànn, Cha rachainn càm san t-slighe sin. XVI. A bheann an tigh thoir leat an stop, C’ar son nach ol sinn fhathast i. Air slaint’ Alastair roimh chach, A choisinn gradh gach ceathairneach, Seumas og mo runsa dha, Nach d’thugadh tàir ’s nach gabhadh i, ’S mor thoilinntin do gu brath, Oir ’s mac’ an aite an athair e. [TD 155] AISLING a chunna Mac’Cullach an oidhche Mun deach a’n ath na teine, agus a chainnt a bha Eatorra, air a chuir sios ann an deagh riaghailt, agus a bhron fhein ga chuir ’an ceill. A chaoi air son na dh’eug do theaghlach Dhun-machd-glais, agus a’ moladh na dh’shuirich. I. OIDHCHE dhomh ’a mi ’m shuan am chadal, Smuaintean truagh a’ gluasad m’aigne, Mo chridh’ air seòl mar neoil na maidin, ’S mi air fonn mar long nach stadadh. II. Chunnachdas bruadar, struagh mar thachair, Theirig m’aoibhneas dhomh a’s m’aiteis, Air faicinn uam, o bhruach mo leabach, Seann duine liath triall air bata. [TD 156] III. Gun ro m’inntin fheìn lan farrain, ’S thuirt e ris nach tiòm dhuit tarraing, Sgeula do chreich feadh a bhaile, Sluagh na tìre, sior gu d’fharraid. IV. Thuirt mi fheìn le mi-ghean taluich, A bhoduich fiubhail uam le cabhaig, Mun dean mi mar dhuais do d’fhanaid, Le iaran fuar do chluais a ghearradh. V. Mhic’ Cullach bith siobhalt tairis, Fag a chluais ’s na luaigh am faillein, ’S bi ann an fith ’s gun sin mi m’ anail, ’S gun dean mì mo shìnnfir aithnicht. VI. Do shinnsir cha’n fhiach leam fharraid, Bheir mi stuaimein dhuit sa mhaluidh, ’S nam biodh m’fhiachlan trian co fallain, Rachainn sios ’sgun spionainn t-eanach. VII. Mhic’Cullach cuir srian ri d’theangaidh, Seol mun cuairt mun buail thu thairis, Dod’ a shinnsir dhiong mi caraid, Ann san tìr ri linn do shean-athar. VIII. ’S mo bha thu ann ri linn mo shean-athar, Feuch an inns thu d’ thir ’s do shloinneadh, [TD 157] ’S mu tha thu dìleas do Mhac’Coinnich, Theid mi fhein le pios a d’ choinneamh. IX. Tha mi dileas do na h uile, Gan cumail o chall ’s o chunnart, ’S gur è m’ainm san t-sheanachas chumannt. Freasdail, sìth, taobh mìn is molach. X. Thuirt freastal rium cuir geaird air t-onair, On tha farmad aig an dorus, ’S è gach là air fàth do dholaidh, Bi fo’ t-airm neo-chearbach ullamh. XI. Eirich tog do bhat’ ’s do chòta, ’S amhairc gu geur-bheachail còmhnard, An àth na lasais ’s as don Eorna, ’S dhibir m’aisling a’s thachd mo chòmhradh. XII. Nam dhomh dusga’ ann sa mhaidin, ’G amhrac uam o bruach mo leabach, Chlisg mi luath ’s nach d’fhuair mi ’n aisling, ’S chuir am bruadar gruaim air maigne. XIII. Bu mhor mo bhròn a choir an fheasgar, An àth na smùid, gun duil ri teasairg, ’S naoi’ boll’ Eorna is cor ga leasach, Dol na cheò mar dhorduich freasdal. [TD 158] XIV. ’S mairg nach biodh a ghnà fo’ eagal, ’S feudaidh mise rà’ gun teagaidh, Cha chluinn cach sgal àrda m’fheadain, O chaidh ’n àth na clàraibh beaga’. XV. ’S muladach mì ’g ìnnse m’fharrain, ’S fios mo bhròin gun leòn e caraid, ’S mo dha chroc, se choir am falach, Mun toir luchd fuath iad uam a dh’aindeoin. XVI. ’Struagh nach ro mi’n toll fo’n talamh, Na air long air cuaintibh fallain, Far nach cluinneadh càch mo ghearan, Mo chridhe trom am chòm is smal air! XVII. Struagh nach eil mi fad’ air m’aineol, An Eilean o chàch, fàs gun fhearrann, ’S dh’fhagainn Clèarag, deurach galach, ’S mise ’g èisdeachd, sèitrich mara. XVIII. ’S cha ’n iarrainn ceòl, ach bròn mar chaithrem, ’Sa chailleach òidhche gleadhruich math rium, G’ eisdeachd steadhruich mhucha mara, ’S bhiodh an ronn ri bròn le langan. XIX. ’S dheanainn caoi’, a chaoidh rim mhaireann, ’S le mo dheoin cha’n olainn drama, [TD 159] ’S mo smuaintein bà air sgà Shrathnarran, An ro’ mi’n tns, ’s mi òg am’ leanamh. XX. Thoir soraidh uamsa, suas le cabhaig, Gu ruig an Dun, gu cuirt Miss Anna, Ceann na ceill’, ’s mi fein nach d-aithnich, A dh’aindeoin fuathais, gruaim na maluìdh. XXI. Tha i suairc, is bu dual di’n earail, On dream uaibhreach, uasal, aithneal, Braighich an Dùin, san cùl ri talamh, ’S mor mo ghruaim, ’s nach buan dha’m fearaibh. XXII. Mo chridhe steach, mar chlach am moindich, ’S mi fo’ ghruaim, ’s nach buan an Còirneal, ’An Dun-Mhac’glais, tha aitreamh sloghail, ’S chuir è tlachd air Gaisg nam moine. XXIII. ’S mis’ tha faoin’s nach fhaod mi talach, Caoineadh na tha marbh san talamh, ’S na tha beò, tha’n dochas fallain, ’S iad a còmhnui’ dhòmsa tairis. XXIV. Sud mo rùn, ’s mo shuil ri caraid, Oighr’ an Dùin mo dhurachd mhath dha, ’S buan a chòir, ’s tha’n òige ma’ ris, ’S thug è ’n dualchais uath ’s gur math leam. [TD 160] XXV. Bu dual da fèin bhi tèoma gramail, Caomh ri tuath, ’s ri uaislean fearail, A’ g’ol air fion, bu mhiann le shean-athair, Ann an Dùin nam fìuran glana. XXVI. Buithinn mo rùin, o Dhuin nan gallan, Struth na h uaisl’ mun gruaidhibh meallach, Buithinn gun sgà, gu bràth nach fannaich, Len lanna geur fo’n sgè bhric bhallaich. XXVII. ’Nam dol a mach le feachd gu comhstri, A Dùin Mac’glais, le gaisgich shonruicht’, Am muirn san tlachd, fo’ bhrat nan Toiseach, Braighich ghast, san Cat ri mor-chrann. XXIII. Ga mor mo bhròn, thoir dhòmhs’ am botal, ’S air Oighre ’n Dùin, cha chunnt mi coslas, A shlainte mun cuairt, suas an copan, ’S Braighich nan steud, ’s treun na gaisgich. [TD 161] RANN air Tiom. ACH gun reò’ * Loch-nis le fuachd, Sam bi’n cuan na thalamh treabh. Ann Tiom a chaidh seachad uainn, ’S dualach dha nach d’ thig è ’n so. Ge air bith mar chleachdas sinne an Tiom. Cha d’thig uair dheth ris air ais, Tha e ruith ’s cha ghabh è èis, Mar ghrein ’s na speuruibh siubhal brais. Ged’ dheanadh sinn uaill asainn fhèin, Mar mhealladh sinn an Tiom air falbh, Thig uair eile a mheallar sinn, Ge d’ tha Tiom a’ fuireach balbh; * Lochness, and the river flowing thence into the sea, never freeze, even in the coldest days of winter; both loch and river emit vapours. [TD 162] Mas a codal dhuinn na duisg, Aigheir na sugradh na ceòl, Cha chum sud aìr ais an Tiom, ’S cha d’thig air bonn sgios na leòn; Ga mor leat òig-fhir do neart, Cumaidh Tiòm riut gleachd gu bràth, Gaisgeach treun nach cumadh feachd, Fosglaidh è an geat’ don bhàs. Gaisgeach a bheir buaigh gu lèir, Air a chruinne chè air fad. ’S è gun fhocal as a cheann, Ruith na dheann ’s cha dean è stad. Gaisgeach gu brath nach gabh sgìos, ’S gheibh è air mìltean buaidh, A’s bheir e gach ni gu crioch, Sa chaoi cha strìochd è do’n t-shluagh. Bheir e gu dòras a bhàis, Gach neach a bha na bhitheas ann, Se is sine chunnacas riamh, ’S cha’n ’eil goistein liath ’na cheann; Cha d’fhailnich sealladh a shùil, Tha e ’n neart san lùs sam feum, [TD 163] Amharc air cha ’n fhaod an aois, Se is sine nan aois fein. Slionar neach a tha gach là, A’ fanaid air le tàir gun mhios, Sa cheart co cinnteach sa tha ’m bàs; Ni e ni nach fhearr mar meas. Fuilgidh e beum, ’s cha chan e guth, Is cha chluinner puth as a bheul, Cha d’thoir è tair do neach sam bith, ’S e neo-chiontach a’ ruigh na rèis. Aillteach an duine cha’n fhiu, Is gnuis na h oige mar am feur, Sa dh’aindeoin tlachd ga’m bheil air ni, Cuiridh Tiom doibh as gu lèir. Ceart mar tha’n Tiom a’ dol uainn, Theid sinne co luath o Thìom. ’S ’nuair a shealladh sinn air ais, Chi sinn e fad’ os-ar-cinn. Cha’n ’eil ball do’n ochruinne che, Ann ’s nach eil e fein gu tiugh, An Tiom a bh’againn an dè, ’S fhad’ as è uainn fein an diugh. [TD 164] Uime sin glacaidh cèil, Seallaibh romhaibh fein ’an am, Agus fuasglaibh an Tiom, Co fad’ sa tha Tiom ann. COMHAIRL ARAIDH. COMHAIRL bheirinn duit a dhuine, Thu bhi buileach mu do sheanachas, ’S do theanga’ a chuir fo’ gheasan. Air eagal ’s gu ’m bi i cearbach; Ge bi leis am b’àill a chliu’, A cumail gu dlù gun spot, Cumadh e uaigneas ris fhèin, Mun eirich dha beag-an-toirt: Air smuainnibh do chridhe, cuir smachd, Mun faigh do choimhearsnach beachd, [TD 165] Mun can e na chridhe steach, Gur amadan thu gach achd. Mo bheir thu do shaorsainn gu lèir Do d’ choimhearsnach fèin do ghnà, ’S lughaìd do mhios air a chùl, A mheud sa thug thu do d’ rùin da. Ma dhinnis thu seanachas gun mhath, ’S gun leaduich è le droch bhreith, Nan cumadh tu tostach do bheul, Dh’fheadadh tu fhein a chleth. ’S minig a chuala mi tric, Mu amadan na mi-thoirt, Gum biodh è an còmhnuidh glic, Na’m biodh é ’n comhnuidh na thost. [TD 166] ORAN do na bhàs. I. SMAIRG nach bitheadh fo’ chùram, Fhad’s tha tiom agus uin againn da, Agus aimseir na h òige, Mun d’thig mulad no bròn air ar sga, Gum bheil codal a pheacaidh, Gar cumail a lea-taobh air gràs, ’S ge d’ tha sinn co uaibhreach, Cha’n ’eil mionaid no uair na ar laimh. II. Faodaidh Sinne bhi cinnteach, ’S co tric sa chaidh innse dhuinn mar tha. Gum feumar leinn lùbadh, ’Nuair theid roghann thoirt duinn o na Bhàs, [TD 167] ’S ge d’ a tha sinn gun churam, Gur fheudar dhuinn cunntas thoirt dà, ’S mo gheibhear sinn èatrom, ’S mor ar mulad ’s nach fheadar leinn tamh. III. Ach se barail an t-shaoghail, Gum faod iad dheth fhaotainn ni’s fèarr; Agus barail na h òige, Gum bheil tiom an gu leoir, agus dàil, Gè b’è sheallas san t Sheapal, Gheibh è uaigh ann a fhreagaras dhà, ’S cha’n ’eil fios co is cìnntich, An neach a tha tinn na tha slan. IV. Ach na bio’maid co seaghach, Agus seoltainn nar diaigh ri càch, A liughad aon a chaidh romhainn, A thoirt cunntais nan gnomhaichean da, Na h uile linn a chaidh seachad, Chaidh ’n ioman a ’s teach leis a Bhàs, ’S faodai’ sinne bhi cinnteach, Nach dh’fhag è sinn fheìn ann ach-gearr. V. Bi air do gheard ’s thoir an aire, Nach cuir t-aineolas maill’ air do chail, ’S na bi saoilsinn le doille, Nach iomair thu coinneamh thoirt dà, [TD 168] Ge d’ racha’ tu ge t-fholach, Gu iochdar an talamh gun dàil, Cha d’theid thu as a fhraodharc, Ge d’ a bheireadh tu oirp’ na dhà. VI. Thoir an aire is bi seòlta, ’S na mealladh do chleòc thu gu bràth, Bha na maighdeanan gòrach, Ann am barail co mor sa bha càch, Cha’n aithnight’ air am bruithinn, Co aca do’n dithis a b’fhearr, ’S ’nuair a thainig fear na bainnse, Cha robh ola nan lampachan do. VII. Na maighdeanan seaghach, Nach ro’ cinnte mu taghadh ach gearr, ’S iad a feitheamh fo’ churam, San cuid lampachan duinnte ’s iad làn, ’S ’nuair a bhual e san doras, Bha iad ullamh gu solas thoirt dà, Sa chuid nach robh glic dhiu, Chà’n fhaodadh iad teachd air a sgà; VIII. ’S ionann sud’s mar a dh’èireas. Ma theid thu air chèili gun bhat, Lan mulad is èislean, Agus t-ionracas fhein ort mar bhrat, [TD 169] ’Nuair a thig ort an gèamhradh, Ni ’n reotha do chràmpa’ san sneachd, ’S ’nuair a theid thu san lèine, Cha d’thig aitibh na grèin’ ort a steach. IX. Ge d’ ro eòlas an fhacail, Agus còmhradh ro bhlat’ ann ad cheann, Cha dean è dhuit taice, Mar bi ol’ agad taisgt’ ann ad làmp, ’Nuair thig deachainn a bhàis ort, ’S tu gun toradh, gun bhlà’ ort ach gann, ’S ma gheibhear gun ghràs thu, Cha ’n ’eil neach a ni cairdeas dhiut ann. X. Uime sin dean do dhicheall, Gus am faigh thu do shìth dheanadh trà, Fhad’s tha gealladh air tròcair, Ann an talamh nam beò’s tu ’ad’shlaint, On thainig am feasgar, Sa ghrein cha dean seasamh na tamh, ’S mo theid i ort fotha. Cha leir dhuit do ghnothach ach gèarr. [TD 170] ORAN don LUING. Air fonn, Tha mo run, le deagh iùl, Do luchd giulan nam breachdan, LUINNEAG. ’S beag mo shunt ris an lìunn, Moran bùirn ’s beagan bracha’ Bannsa leam caismeachd mo rùin, Air cuan dùghorm le capul. I. GE d’ a tha mi’n diugh gun spèis, ’S mi’n Duneadainn gun taice, Stric a bha mi measg nan seoid, Cluich’ an òr air na cairtean. ’S beag mo shùnt, &c. &c. [TD 171] Bha mi uair bha m’ chaìrdean ann, Dh’fhalbh an t-àm is chaidh è seachad, Sa nis cha’n fhaic iad mi san ròd, On tha mo phòca’ ri acain. III. Ge d’ a tha mi ann san àm, Air ma chrampa’ le astair, ’S minic thug mi greisean gàrbh, Air an fhàirge ga masgadh. IV. Greis le beachd a deanadh ìul, ’S greis cuir siuil ann am pasga’, Greis air iomairt, ’s greis air stiuir, ’S greis air chul nam buill-acuinn. V. Se mo ruin na fearadh gleust’, ’S iad nach trèigeadh ’an caitean, Chluinnte langan nam fear òg, ’S iad nach deonaiche gealtachd. VI. Tha’n cridheachan farsuing mòr, Stric a dh’òl iad na bh’achda, Damhsa is Inghinnen a’s ceòl, ’Nuair bu choir dol gu ’n leapaidh. VII. Bi’dh iad gu fuireachar geur, Nam don ghrein dol a chodal, [TD 172] Ceileireach, luinneagach rèidh, ’Nam dhi èiridh sa mhaidin. VIII. Si mo ruin an capal grìnn, Rachadh lèinn ann san astair, ’S taobh an fhuaitheis os-a-cìnn, ’S muir ri slìom taobh a’n fhàsgadh. IX. Greis a bhiodh i fada shìos, Ann an ìochdair nach fhaicht’ i, ’S greis a bhiodh i ’n aird nam fri, ’S i cuir dhì air a leataobh. X. Si nach pilleadh gun chian-fà’, ’S i neo-sgàthach gu srachda’, A gearradh thoinn, le geur roinn, ’S cudthrom gaoith air na slatan. XI. ’Nuair a chuirt i air a dòigh, Sa cuid seoil ris na slatan, Chuirt’ a mach an t-eadach sgeoid, Sud a sròin ris an as-caoin. XII. Bhiodh i turrapan gun tàmh, ’S chluinnte g’ànaich fo’n t-shachd i, ’S bhiodh gach glun dhi dol fìllt’, ’S chluinnte bi’d aig gach aisinn. [TD 173] XIII. Chite muir na tonnan àrd, ’S chluinnt’ i gàirich gu farsuing, ’S bheireadh ronn ard nan steàll, Buille thròm ann na h achlais. XIV. Ann an ascaoineachd è chuain, ’S ann am fuathas na fraise, Thugaidh faiceil air a ghaoth, Fheara’ gaoil cumaidh rag è. XV. Chluinnte farum aig an fhairg’, Molach garbh ann an ath-sith, Beacach, rangach, torrach, searbh, ’Strannach, anabharach, brais i. XVI. Buill bu treis don chorcraich ùr, Croinn don ghiubhsaich bu daite, Eididh cheanb’ nach biodh meanbh, ’S chite geala-dhearg a bhrataich. XVII. An diaigh cogaidh thig an t-sìth, San diaigh bìadh thig an t-ocras, An diaigh na maidin thig an òidhch’, San diaigh òighre thig aitibh. [TD 174] AOIRE do dh’ Alastar Mac’antoisich. Ann an Canntra’dun air son e bhi na dhrocb olach. Air fonn, Fail illirinn o h u, ’S na h uil ou ro i. I. ALASTAR mhor Mhic’antoisich, Cha d’theid do chomhradh air chùl, Se dh’fhag duilich san àm mi, Thu bhi’n Canntra’ n Dun, Am an ionad nan uaislean, Air nach cualas mi-chliù’, ’S chuir a chuibhle car tuathal, ’S tha annthlachd ’an uachdair cùis. [TD 175] II. Ga mor leat do bheirteas, Cha toir thu leat è fo’n ùir, ’S beag a dh’aithniche tu * lea-chrun, A chuir a leasacha’ cùis, Ge do chaidh mi chuir fáilt’ ort, Cha robh do chàirdeas ach mucht’, ’S beag an t-ioghna sud leinne, ’S gur tu is gionaich nan cù. III. Cha’n ’eil luch ann an Daltlaich, Nach d’theid do Channtra ’n Dun, ’S gheibh iad pailteas gun taing dhuit, O n tha thu gann ri luchd ciuil, ’S ge d’ a chuirt thu air spartan, Air fior bhraigh ‡ Eis nan smuid, Cha’n ’eil Fili na Bard, Bheir fios gu brath thu gu ùir. * When the Author was going about taking in subscriptions, coming to Cantry Down about dinner-time, he thought that he would not be allowed to go away hungry; but he soon found it otherwise: for when Mr M‘Intosh came to the door, he not only denied him his subscription, but desired him to go away from his house. † A cascade, called Fall of Fires, where all the waters on the west side of Stratheric meet together, and, running through a narrow passage, between rocks, from a considerable height, form a cascade, the waters of which, by the vast height from which they fall, emit a continual smoke. This natural phænomenon is so very remarkable, that people from all parts of Britain come to view it. [TD 176] IV. Ach on a tha thu’ ad’ phicear, ’S gun robh thu miothur don Bhàrd, Cha’n ’eil † ceolraidh ’m Parnasas, Nach bi bagradh do chàll, ’S mo gheibh Nuptune air fairg’ thu, Ni e garbh i le stâirn, Is cuiridh Vulcan na theine, Cop-gheal deireadh gach steàll. IV. Ach na biodh tu air t-fhàgail, Am braigh Lochabar nam beann, Fo’ bhinn do luchd mi-run, Cha bhiodh tìom dhuit ach gann, Cuid a dh’iarradh do shlìobadh, Cuid do sgrìobadh le àing, ’S do dheanadh mìn mar an cathadh, Le dion chaitheamh nan lànn. V. Bu bheag an diubhail ged’ fhaicinn, Thu direadh a mach ri gleànn, ’S balg a cheaird, le chuid acfuinn, Na phoca saic ort gu teann, Srann do chleibh a toirt farum, Ga’m freagra’ mac’talla charn, Sgùm ruagh mu do ghoilleas, ’S do dheireadh a gearradh bhram. [TD 177] VI. Struagh nach fhaicinn air fèill thu, ’S na ceudan ann air do thòir, ’S gu’n racha d’ ruigh tre na † slatan, ’S gun cailleadh tu’n craicionn beò, ’S do dhruim a shuathadh le sgait, Ach gun cuireadh é sgairt ’a d’ t-fheoit, ’S gun racha’ na th’umad don’ chat, Le gaoir a mach air do shròin. VII. Ge d’ bu bhàs duit mar chriostaidh, Cha b ionan ’s mar dh’iarruinn duit, Ach eadar eachaibh do stiolladh, As bhiodh farum aig triall do chuirp, Do cheithreamh mionaich a spionadh, Is minic a lìon le glut, ’S do cheann a spadadh do d’ ghuaillibh, Mar chluais do chuilean na muìc. VIII. Ach nam faighinn mo roghainn, Dhuit a thaghainn droch àm, Agus miltean cuir beachd, Air olc a pheacaidh air crànn, ‡ A custom formerly among the Romans for punishing ofenders, called runing them through the rods. It was done thus: They made two files of 285 men each, facing one another, each with a rod in his hand, with a small interval between them for the offender to run in, every one laying on as he passed along. [TD 178] Bhi gad’ fhaicinn air spiocaid, ’S do theangadh chiotach gun chàinnt, Sgornan farsuing na faoille, Dlù ri tòinneadh nam bàll. IX. Smairg a shaothraich as t-òig’ ort, A sgamhain òlaich gun mheas, ’S diombach mise do d’ chàirdean, Nach d’rinn do charadh ni’s meas O nach d’thug iad na sùilean, A ceann ùmaidh gun iochd, Struagh nach d’rinn iad do bhàthadh, Am mùn do mhathair gun fhios. X. Ceann glogach is farsuing, Air amhaich fhada’n eich ùisg, Oscionn collainn a mhadaidh, Soic fhada na mùic, Sanntach, goileamach, mìothur, Teanga’ mhìn sam bheil ruichd, Cridhe cealgach gun chùram, Tric lium agus leat. XI. Reotha a’s cranntachd gad’ bhualadh, ’S onfhadh cuain duit gach là, Ach gum fas thu co uamhorr’, ’S nach fuiling sluagh thu gu bràth; [TD 179] ’S gu’m bi do chairdean am fuath ’s tu, ’S gun dean iad t-fhuadach on sgà, ’S nach fhaigh thu furtachd san t-shaoghal, Mar d’thig an t-aog ann ad dhàil. XII. Alastair chonnaich chraosaich, Air nach taobhaich an dealt’, Cha bhithinse toilicht’, Ge d’ thilgte ’n coir thu nan glaichd, ’S ge d’ a chuireadh an Donas, An toll tor’ thu le sgailc, O nach rachadh do phronnadh, Mar chraoibh chonnaidh le bat’. XIII. Struagh nach fhaicinn air sgeir thu, Agus seilein ’ad’ chluais, Agus luch ann ’ad’ t’ achlais, A’ cuir a h-athchuinge suas, Gun cuireadh iad clach. Ann do chraois farsuing gun bhuaigh, ’S gun d’thigeadh an fheannaig, Gu barr na teanga’ thoirt uait. XIV. Bu bheag bu mhiste do dhùthaich, Ge d’ a shiubhhla’ tu as, Agus imeachd air fairge, Air tuinn gharbh nan steall brais, [TD 180] Air long gun iomairt gun daoine, Gun stiuir, gun eadach, gun slat, Chor ’s nach fhaicte gu bràth diot, Ach do thâchran air ais. XV. Ach nam faicinn thu marcachd, Air seann chapal ’s i lòm, Gun srian, gun diolaid, gun * chas ròp’, ’S i dol a Shasgan ’na steàll, ’S a’n † èill-bhuinn ann na casan, A cuir a h aigne air fònn. Gu dhol mìle le breunan, Sios fo’ èiridh nan tònn. XVI. Slionar neach a bhiodh èibhinn, Na’m b’è ’s gun èireadh sud dhuit, Gun togadh na ‡ sìthchean, As an tìr thu nan uchd; Cuid ge d’ sgathadh le dùrachd, ’S cuid ge d’ sgiursadh le cuip. ’S do thilgeil ’an Eirinn Air chùl greine am bun cnuic. * Stirrups made of hair, which the ancient Caledonians used when riding. † The fairies,—imaginary beings. ‡ Just as if a person put his feet on a hot coal at the fire-side, he would jump and dance as long as his sole kept the heat. [TD 181] XVII. Sgrios an t-sneachda roimh aitibh, Air do chratuich gach lò, Ach gu’m fas thu ad’ sgallpan, ’S gum fal am falt diot is tu beò, ’S gaoth an iar an droch fhasga’, Dhol eadair do chnaicinn ’s t-fheoil, Ach gun cuir thu punt Tombaca, Na smuid a mach air do thoin. [TD 182] COMHAIRLE do ghill’ òg air dha a bhith gle ghorrach, agus a toir moran toirt do na Caileagan, agus le sin fhuair e ainm a bhi na Dhròbhar. Air fonn, Cabar Feigh. I. ACH a nise o’n a thèig sinn, Le chèile bhi tairiseach, Bheirinn comhairl’ fheumail, Dhuit fhein an san dealachadh; Na toir do ruin gun rèasant, Do thè dheth na Caileagan, Oir ’s duilich leam gun d’èist mi, Droch sgeulachd air fearaigein; [TD 183] Na bi co tric, a’ dol na measg, Mar chraobh gun mheas, na caileagan, Ge d’ shaoileadh tus, gun ro iad dhuit, Co mìn ad t uchd ri bainne dhuit, Nam suidh steach, le aoibhneas ait, Ri cuir mun seach nan dramachan, Bi’dh cuir nan cinn a’ g èiridh, ’S gach tè dhiu ri fanaid ort. II. Tha na gillean òga, Nan dochas co amaideach, ’S iad le’m barail ghorrach, ’An tòir air na caileagan, Ach fhad sa bhios an suilean, Co duinnte, cha n aithnich iad, ’S cha ’n fhaic iad § Gloc-air-garadh, Ged’ tharladh i maille ris, A chaoidh cha’n fhaic è, Iad co ceart, mar gabh è beachd le ghloineachan, ’S mus e ’s gun dearc è, mo ’s faisg, Gun d’thig a ghart, san t-eanach dheth, Mar bheathach bochd, a bhios gun toirt, ’Nuair theid a ghoirt a’s t-earrach ann, § A clamorous vain woman, whose custom was, when she saw any strangers passing by, to get up on some eminence, and call the hens from the corn, or cry to the herd to be careful, for no other reason than that she might be taken notice of. [TD 184] ’S ceart ionann ’s mar ni ghòrruich, Air dròbhar nan caileagan. III. Ge b’è chuireas dùil ionnt’, An dùrachd cha’n aithnich è, Ge d’ dheanadh i do phoga’, ’S ge d’ òladh i drama leat, ’S ge d’ ghealladh i le dòchas, Gum pòsadh i ’nearar thu, ’Nuair thionnta’ tu do chùl-thaobh, Bi’dh ’n sùilean gan camadh riut; Mar sud their ise, ge d’ tu ’s glic’, Gun deanainn tric, nach aìthnè dhuit, ’S ga mor do bheachd, cha rachainn leat, Mar biodh do bheartas màile riut, ’S mar bhio’ dhomh ’n leisg, a bhi am leis, Cun deanainn reichd a’s ceànnachd ort, ’S ’nuair bhios tu falamh chùinneadh, Gum feuch mi cùl-thaobh bhaile dhuìt. IV. ’S ge b’è ghabhas fàth orr’, Gu brath bi’dh air athrachas, S mo dh’fheuchas i dha càirdeis, Cha’n fheairde mo bharail dhi, ’S mo theid è mo is dàna, Gun sàr i le fheaman è, [TD 185] ’S mo gheibh i è sa ghàradh, Cha tàr è dhol thairis air, Bi’dh è co glic, ri duin’ air mhisg, ’S bi’dh cach ga mheas mar amadan, ’Nuair bhios è glachdt’, mar ian ’an snap, ’S nach tar è chas a tharraing as, Sa chaoi’ le tlachd, cha’n fhaigh é las, Mar bris è ’n acfuinn theannachaidh, ’S mo ’s é ’s nach cuir è ’m brèid orr’, ’S ain-èibheinn ri mhaìreann da. [TD 186] [TD 181 san leabhar fhèin] ORAN do Mhac’Leoid na h Earadh air bhi dha tighinn dachaidh as na d-Innean a’n Ear. Air fonn, Tha’n oidche nochd gle aonranach, ’S tha’n gèamhradh fada fuar. I. GUR mis’ a tha gu fastalach, O fhuair mi dhachaidh ’n sgeul’, Mac’Leoid a thighinn do Lunnain, ’S gur mor air urras fhèin, Gu cliù’ar, trù’ar, onaireach, Lan sonas ann ’s gach ceum, ’S tha fios aig Hyder Ally, Nach ’eil mis’ a’ aithris bhreug. [TD 187] [TD 163 san leabhar fhèin] II. Gur lionar ògan Urramach, Cruaidh curannta’, deas treun, A bha fo’ bhròn ’s iad muladach, ’Nuair chual’ iad uile ’n sgeul’, ’Nam seoladh o Chalcuta dhuit, Bu lionar guth a’d’ dhèigh, A’ guidh ruigheachd sàbhailt, Do Mac’Leoid gu àite fhèin. III. Cha tar mi chuir ’an rannuibh, Na tha cheanaltas a’d’ choir, Gur buaghail, suairce tairis thu, ’S tha cathrannachd a’ d’ t fheoil, Do ghliocas tha sinn fiosarach, ’S gum bheil do ghibhtean mor, Sa ’n àm dol sios roimh theine dhuit, Cha bhiodh tu ’n deireadh sloigh. IV. Bu mhiosail thu ’s na h Innseachaibh, ’Ad’ cheannard dìleas sluaigh, Stric a chuir thu sgaoileadh, Ann an luchd nan aodann duairc’, Bhiodh cunntas tana ’n Innseanaich, ’S bu ghile ’m bìan nan gual, ’S bu tric iad air droch càramh, Mar bha Pharaodh sa mhuir ruaigh. [TD 188] V. Buaigh làrach do’n t-sar Chòirneal, Sud a dheoinichein da fèin, ’S tric a rinn è ’n ioman, Le chuid gillean air an diaigh, Bu lionar corp gun chlaigionn, Agus spadag air an fheur, ’S gur fhada chluinnte caonnag, An am sgaoileadh nan dubh-bhèist, VI. Se’n Reisemeid neo-esleineach, Do’m b èididh fèile cuaich, A bh’aig Mac’Leoid na h Earadh, Air nach biodh am freanas fuar, Fir sgairteil, neartmhoir, sàr-bhuilleach, Nam dol ’an gàbhadh cruaidh; ’S chaidh cliu gu bord na Pàrlamaid, Air gàidheil an taobh tuath. VII. ’Nuair chualas sgeula dhachaidh ort, Bha d’ chàirdean ait gu lèir, Siol Leoid a’ g’òl mar ghabhadh iad, ’S tein’ aigheir ris na slèibh, Bu lionar cnoc na lasaruich, ’Nuair fhuaradh dachaidh ’n sgeul’, Thu thighinn gu tir le fallaineachd, A’s cunnart mara ad dhèigh. [TD 189] VIII. Bha freasdal Dhia mun cuart duit, Ge do bhuachailleachd ’s gach àm, ’S ge d’ thoirt th’air gharbh-chuantaibh. Air soitheach luath nan crann, Tre mhuir ghorm shleachduich bhuaireasaich, ’S ard-chnocach cuain gun cheann, Garbh-thonnach steallach uaimhreach, ’S mor uabhasach an gleann. IX. Siol Tormaid tha iad lionar, ’S gur neo-mhio-thlachd’ar am pòr, ’S bhiodh solas air an gniomh, Nan rachadh mi-thlachd air Mac’Leoid, ’Nam toirt a mach na bratuich, Cha bhiodh gealtachd air na seoid, ’S bhiodh lanna geura sgaiteach orr’, ’Gu gearradh chas a’s dhòrn. X. ’Nam gleusadh do Phiob fheadanaich, ’N Dun-bheagain mar bu chòir, Chluainnte fuaim mac’talla, Ri toirt farum do na meòir, Bhìodh fion aig t uaislean curamach, Ga stiuradh mu do bhord, ’S bhiodh Baird ri dannachd dhuchasach, Air fiùghantais Mhic’Leoid. [TD 190] XI. Slionar gill’ is maighdeann, Tha ge d’ t’ fhoighneachd ’an siol Leoid, Duin’ a’s bean tha aoibhneach, ’S gu’m bheil Mac’ t òighre beò, Mar gheug gun diu cha ghabhair è, Ge d’ tha è fhathast òg, ’S gur dileas da le dai’neachas, No fir don’ loinn an croc. XII. Tormaid òg mo rùin da, Bhi mar chrùn do chinne fèin, ’An àite ’n fhir nach duraigeadh, A chul a chuir re feum, Gha tar mi fein ’s cha’n urrainn mi, A chliu chuir uile ’an ceil, ’S è dh’fhag mo chuimhne dochiollach, Gur luaighe deoch na sgeul. [TD 191] ORAN do’n Trubhais fharsuing a chionn agus gun chum i mi dh’eisidh buainichen, agus gun thrèig na Caileagan mi air a sga a thaobh as sgun d’fhuair i moran do dhroch ainm. Air fonn, Brigis Mhic’Ruaraidh. LUINNEAG. Sguiridh mi mhire oir fuath leam è, On a tha mi do dh’uireasbhui’ buainichen, Rinn na gruagaichean uile, mo threigsinn on uraidh, ’S cha bhi mi tuilleadh gam buachaileachd. I. SE ’n sgeul’ tha sa bhaileis; Is fheudar dhomh aithris, [TD 192] ’S gum b’fheairde mi caraid gum fhuaracha’; Gur mis th’air mo sgaradh, O thug iad uam Anna, ’S nach fhaigh mi caileag a bhuaineas dhomh, Sguiridh mi mhire, &c. &c. II. Gur mis’ th’air mo chràmpadh, O mheadhon an t-sàmhraidh, ’S mo choimhearsnaich ’s gann doibh gun cual iad è, Tha na caileagan gann domh, Ge d’ tha mi am bhanntraich, ’S cha’n fhaigh mi san am dhiu na bhuaineas dhomh. III. Gur mis’ th’ air mo laoghadh, O thainig am foghar, ’S gu ’m bheil mi-fhoighidinn fuaighte rium; Ciod an sta dhomh bhi gearan, Ge d’ tha mi dhiu falamh, ’S nach fhaigh mì caileag a bhuaineas domh. IV. On a tha mi dhiu falamh, ’S nach bi iad rium tairis, Thoir fios gu mo leannan mar cual i è; I ghleibhe fear eile, O n’ dhibir mo theine, ’S cuir fhec ann na h-adhairc mum fuaruich i. [TD 193] V. Mo smuaintibh gu lèir, Tha mar ghathadh na grèine, Mun seach air a chèile gun fhuaradh orr’; Do’m leabaidh ’nuair thèid mi, Ni’n codal mo thrèigsinn, ’S ’nuair thig e bi’dh fèil aig na bruadaran. VI. ’S mis tha fo’ chùram, O chuir iad an cùl rium, Gun fhios nach e’n Triusar a dh’fhuadaich iad; Tha i brist ann sna glùinean, Air a caramh le clùdan, ’S cha shaoileadh tu rùin gum biodh gluasad innt. VII. Ge d’ a tha mi co faisg orr’, Cha do ghabh mi sar bheachd orr’, ’S mo tha i mi-chleachdach cha chuala mi; Cha ’n ’eil sios domh co as di, Oir fhuair mi i ’n Sasgan, Mar dalta do bhrigis mhic’Ruaraidh i. VIII. B’ fhearr leam na na h urrad, Gum fagainn i’n Lunnain, Mun d’thug mi air thuras, gu tuath leam i, Ge d’ tha i co molach, ’S gum b’fheaird mi i umam, Gun chum i mi db’uireasbhui’ bhuanaichean. [TD 194] IX. Ga iomadh ceum siubhlach, A rinn mi san trusar, O chuir mi air thus i mum chruachanan: Cha d’fhuair i mi-chliu, Ann am baile nan duthaich, Gus an d’thainig mi taobh-so dhruim uachdair le. X. Ach na bithinnse cinnteach, Gu’m biodh i ri mi-sta’, Gu geallansa dhi nach biodh buannachd ann: Cha’n ’eil Eildeir san talamh, Nach rachadh na caramh. ’S bu chinnteach nach dealuiche Ruaraidh ria; XI. Ga b’e dhinnis mar thà dhi, Gun robh iad ga càineadh, Cha’n ’eil i na slàinte o chual i è; Shrachd i le tàmailt, ’S tha toll ann sa mhàs orr’, .S cha’n fhuirich i slàn ge d’ a dh’fhuaighte i. XII. Ach a’ nis on a shin i, Cha’n fhan i san tir so, On tha i fo’ mi-chliu, aig gruagaichan, ’S theid i air Siubhal, A mach ris a bhruthach, ’Nuair ni mi dhi luthaige tuarasdail. [TD 195] XIII. On a ghabh i’n ra’-treuta, ’S gun d’rinn i mo thrèigsin, Bithidh mise le’m fhèile, gu h-uasalach; Cha’n ’eil caileag san àite, Nach bi ga’m shior thàladh, Ge d’ tha iad an tra-sa co suarach orm. XIV. Theid i Lunnain mun tamh i, Ma bhios i na slàinte, ’Nuair bheir mi dhi pàigh na turasdal; Slan iomradh gu bràth dhi, Ge d’ tha i,ga’m fhaghail, Sann aice tha nàduir nach b’fhuathach leam. [TD 196] ORAN do ghillean agus Nigheanan a bha Cleachdadh a bhi tional cuideachd air la an Sabaid; agus a bha cuir ri fearas-chuideachd, mi-araidh. Air fonn, Tha mi fhein ’s mo chuideachd, Gabhail moran eagail. LUINNEAG. ’S mise th’air mo threachla’, Leis na tha mi facinn, A mheud sa tha dhroch cleachdadh, Aig no gillean againn, Minister no Eildeir, Cha chuir iad smachd orr’, ’S maighdeannan gun naire, Bbi fas co pailt’ duinn’. I. CHUALAS ’s na h-uil’ àite, Mun chuideachd laoghach, [TD 197] Bha oidhche na sabaid, A cuir ri treoghais, Bha Tomas Mac’an-tosaich ann, ’S e na ghaodhar, Agus gille ’n Eildeir, ’S be fhein am baoghair. II. Bha triuir as a phàirc ann, ’S bha dha dhiu firionn, ’S bha banarach bhò ann, ’An aite gille; ’S nam faighinn fear ceairde, Bhiodh co innealt, Sa chuireadh cearcail màis uimpe, Phàidhe sinn è. III. Bha Tormaid nam bròg ann, Gun dad a mheas dha, ’S cha’n fhèaird e ri bheò, Bhi sa chomhradh ghliogach; Cha do mheas e mar sga, ’N ceathramh aithn’ a bhriseadh, ’S thig la bhios inntin, A’ g’innse sud da. IV. Air leam gur mor a nàire, Do dh’athair cloinne, [TD 198] Bhi oidhche na sàbaid, Co ard an doille, ’S gum fagadh è phàisten, Am bun an teine; ’Nuair bu choir dha’n àrach. ’An ràidean eile. V. Bha Uilleam Mac’phàill ann, ’S Mairarad ghreannach, ’S chaill i ’m beagan nàire, Nach d’rinn i cheannach, ’S mo tha bheag an lathair dhi, ’S math ma bharail, Nach fhiosarach cach, Ciod an taobh a ghabh i. VI. Oidhche na sàbaid, ’An tigh ghobhainn; Ge d’ bhiodh aige càraid, Gun racha’ ’m bleothann, Bha caileagan làmh ris, ’S bha iad foghant, ’S ga b’è ghabhadh fath orra, B’fheaird è cobhair. VII. Na cailean dubha ciar, ’S don’ an triall bha aca, [TD 199] Nach do smuainich riamh, Gun deach iarriu’ am baisteadh; Ce b’e bhios an lathair, Sa phairti fhaicinn, Theid iad sa phoit aoil, ’N d’theid a ghaoth tre ’n craicinn. VIII. ’S beag orm beistein, A bhios neo-bhanail. Bi’dh iad nan ’neisgein, ’S cha’n fhaigh iad leannan, ’Nuair chailles iad an t-uachdar, Theid iad an tainead, ’S gur lughaid am pris è, Ge b’è ni ’n ceànnach. IX. ’S fada o chuala sibh, Mar shean fhocal, An car a bhios san t-sheana mhaide, ’S e air feachda, Nach toir cumhachd dhaoine, Le saothair as e, ’S ’nuair theid buille an tuaidh ann, Gur suarach achd’e. X. Nam b’e ’s gun èireadh dhomh, Fiodh a cheannach, [TD 200] Thaobhainn dhomh fèin, Do’n chuid a b’fhallain; Ge d’ a robh e caol, Bi’dh e daor ri ghearradh, ’S ionan sud ’s mar dh’èireas, Do dh’fhèil nan caileag. XI. Tha fios agaìbh fhèin, Ciod e ’s ciall do’n aitim, An fheoil a bhios ’na blionaich, Cha’n fhaigh i marsant, Cha cheannuich duin’ uasal i, Gu toirt dachaidh, Gheibh Mac’Rath dha fhein i, ’S be’m beud e thachairt. XII. An te gam bi stòras, Ni sleoir a’s earras, Gheibh i fear ri’ phòsadh, A dheoìn na dh’aindeoin, ’S mo bhìtheas an dan doibh, Gum fas iad falamh, Caillidh e spèis dhi, On dh’eug a leannan. XIII. Bheirinn comhairl’ dhìleas, Ga b’è ni gabhail, [TD 201] Do gach sean a’s òg, A ni seol ri caileag, Gun e thagha cèìle, Air feil na banais, No idir san tigh òsta, Nam òl’ an liunna. XIV. Chunnaig a’s chuala mi, Agus dh’fharraich; Buntata co grinn Sa bhiodh ann am baile, ’Nuair a chuirt an sgian air, ’S ’nuair racha ghearradh, Bhiodh a chridhe liontaidh, ’S da thrian mi-fhallain. XV. Innsidh mi ògannaich, Dhuit mo bharail, Mas a math leat pòsadh, ’S gur è their d’aire, Fiosruich a nàduir, Co math ’s bu math dhuit, Mun tuit thu gun èiridh, Air bèist nan caileag. XVI. Na caileagan suairce so, Tha air m’aire, [TD 202] Se mo chomhairl’ fein dhoibh, Gun bhreug a labhairt, Iad a sheachna fèistein, A’s tighean aire, Oir stric a fhuair tè dhiu ann, Leum gun cheannach. XVII. Nam biodh tu air fèil, ’S gum faice tu ballan, ’S è brist ann san èarrach, Cha racha fharraid, Mhilleadh è ’n fheil air, ’S cha racha’ cheannach, ’S ionann sud ’s mar dh’èireas, Ma theid do mhealladh. XVIII. Mo bhios sibh air m’ iarrtas, Cha bhi sibh fanaid, ’S cha bhi sibh ’nar nàduir, Ro àrd am barail, Cha bhi sibh ri breugan, ’S cha ghabh sibh mealladh, ’S cha toir sibh bhur rùn, Do dh’fhear ùr no shean-fhear, XIX. On tha mi am bhanntraich, A’s mi gun leannan, [TD 203] Gu’m bheil mi gu h-aonranach, O chionn tamaill, ’S on nach fhaigh mi tè, Bhios gun bheum gun sgainner, Bheir mi dail doibh’m bliadhn’, Agus trian do’n ath bhliadhn’. COMHAIRLE MHATH. DHUIN’ oig na dean uaill asad fhein, Air ’s iomlaideach ceumnaibh do bheath, Iadsa bha ma riut ’s tu òg, Slionar iad fo’n fhod an cleth. Tha do thiom mar dhuin’ air astair, Cuir nah uigh le pairt, a’s pairt, Le ceum, a’s ceum ga chuir seachad, Gus an ruig e far a’n aill. Mar ghrein a siubhail ’s na speuraibh, Na reis tha cuibhle do bheath, ’S ma theid i fotha ort na t-eislean, A chaoi’ cha leir dhuit dol a stigh. [TD 204] ORAN air Turas do’n taohh tuath, agus Mi-mholadh na banaraich a bha ann an Cumaraidh ’an strath-chonainn. Air fonn, Agus h-o buail’ an damh dubh H-oi thàll, &c. LUINNEAG. Agus h-ò ’s mi fo’liunn Dubb, ’S mi fo bhròn, Agus h-ò ’s mi fo’ liunn dubh, ’S mi fo bhròn, ’S mi fo liunn dubh o na bhaile, Ciod an sta dhomh aithris dhò, ’Nuair shaoil leam bhi measg mo chairdean. Gu’m b’ iad sud m naimhdean mòr. I. MILE marbhaisg air an t-saoghal, Tha caochlaideach dheth fhèin, [TD 205] Smairg a chuireadh a dhùil ann, ’S nach cùm e sinn on eug, Fear dha’n toir e mòran, ’S fear a bhios ri beò am feum, ’S fear da’n toir e solus, Gu dolaidh dheanadh dha fhèin. II. Cha ne mheud sa chaith mi bhrògan, A dh’fhag co brònach mi fhein, ’S cha ne mheud sa chaith mi stòras, A dh’fhag co brònach mi, ’S cha n e mheud sa chaill mi chàirdean, Na no dh’fhag mi ann sa chill, Ach a mheud sa fhuair mi dh’ànradh, Ann am measg mo chairdean fheìn. III. Cha’n ioghna mise bhi duilich, ’S mulad a bhi ga’m chrâdh, Mun deacha’ mi o na baile, San a bha mo bharail àrd, Agus bha mi’n duil le misneach, Nach bu mhiste mi gu brath, A dhol a shealltainn mo luchd cinnidh, ’S nach b’ionan è ’s bhi am thamh. IV. Sann dhomhs’ a dh’eirich am breamas, ’Nuair chaidh mi dh’fhainich le spreigh, [TD 206] B’fhearr leam na làr a’s searrach, Nach biodh mo chabag co dian, An la chaidh mi o na baile, Do Chuimearaidh bha mo thriall, Chaidh mo chuir am laidh ’n garaid, ’S cha d’fhuair mi crioman don bhiad. V. ’Nuair a chaidh mi thun a bhaile, Far an d’fhan sinn leis an sprèigh, Chaidh iad ’an ceann a chruidh bhainne, ’S iad a tighinn gu cala ’m òidhch’, Thanaig a bhanarach rapach, ’S leig i sgairt as o bròinn, ’S cha robh cnoc no beann no creagan, Nach d’thug freagra’ as a dèigh. VI. Thainaig i mach gu h-ascaoin, ’S i gun tlachd a rugadh riamh, Dhiongadh è bara cartaidh, ’N rapas a tha air a bial, Cha ro eadach air a coluinn, Sann ri dolaidh bha i riamh. Agus dh’iarr i oirn gu dana, Au cuir an airde ris an t-sliabh. VII. A chaile dhubh nach b’fhiach a moladh, Cha d’thug mi dhi onair rìamh. [TD 207] ’Nuair a chaidh mi thun an dorais, Sann di a bha’m boladh siat, ’Nuair a sheall i air a lea’-taobh, Bha i beachdacha’ co dian, ’S gun robh sealladh co fada, Sa chunnaic mi’n claigionn riamh. VIII. Claigionn fada na h-udlaich, Air colainn is usgaidh bian, Cha’n ’eil ’an Conainn do dh’ur-uisg, Na ghlanadh o ghrunnd a cliabh, ’S tha ma suilean do thusdar, Na bheathaiche dusan ian, ’S sheachainein i sa choile, Ge d’ robh i mo deireadh fial. [TD 208] ORAN do sgian a thar as a Dhul-mac-gearraidh, agus a chaidh mach ris a bheinn le uaibhreachas, agus a bha’m barail fuireach ann a Strath-Eirean gus a’n ionsuicheadh i damhs’, I. ’S GRUAMACH muladach a tha mi, O bha mi Srath-Eireann, Se fhad’ fa dh’fhuirich mi’n stigh thairne, Dh’fhag mi tre cheile; Struagh nach mise tha air sàil, Na fada th’all ’an Eireann, Sann is coltuich mi air fas, Ri seann each bàn gun deudach [TD 209] II. Ach on a chual iad ann sgach àite, H uile cail mar dh’eirich, An sgian a bha gearradh a chais’, Gun d’thug i’n airde bheinn orr’, ’S na bha dh’fhianaisean sa’n àite, Cha’n aicheadh mi fein iad, Uilleam Mac’Ille-bhraigh, Domhail Ban, san t-Eildeir. III. On nach d’thainig i dhachaidh, Tha mi fada ’n deigh-laimh, Chuir mi fios do Dhulmac’gearraidh, Dh’fheuch an d’fhan i fhein ann, ’S mu se sgun thachair am post ria, ’S coltach an sgeul’ e, Gun d’thug è leis ann sa mhalaid, A ’n airde thair Spèth i. IV. Chuala mi o-chionn Seachduin, ’S bu taitneach leam fein e, Gum fac iad ann san sgoil dàmhs’ i, ’S i an as a leine, Ma se sgun d’thig i fhathast dhachaidh, Tha i gast gu sgeulachd, Bheir i naigheachd thun a bhaileas, Air caileagan Shrath-Eireann. [TD 210] V. Soraidh ’s gu ma slan do dh’Uilleam, Gur culaideach treun è, Tha e suairce siobhalt tlachd-mhoir, ’S e na mhac’ do’n Eildeir, Ge d’ a bha i o chionn seachduin, Air seachran gun fhaoghtainn, Thug è le focal a chlachar, Dhachaidh as a bhèinn i. VI. Slan iomradh do na ghill’, Ann sgach ionad a’n d’theid e, Chuir a’n sgian da’m ionnsaidh-dhachaidh, ’S nach do thagair èiric, Tha e do’n fhuil rioghail stòilte, ’S mor a’n còir ’an Eirinn, ’S fo’ bhrataich Mhic’a’ntoisich, Sud na seoid nach treigeadh. VII. Ach a’nis on a thainig i dhachaidh, O chreagan Shrath-Eireann, Tha i ann am priosan glaiste, ’S i glacta mar reubal, Cha’n ’eil duin’ a theid ga faicinn, Nach toir seachad bheum dhi, ’S on a tha i air a crampadh, Chaidh ’n damhsa roìmh chèile. [TD 211] VIII. Thoir soraidh uam do dhulmac’gearraidh, Le cahhag thun an Eildeir, Ach a’n innis e do dh’Uileam, Le furan mar dh’èirich, Gun d’thanaig i mach air urras, ’S nach dean i tuillidh èacoir, ’S mo dheoch slainte ni e òl, Ge d’ bhiodh an stop air cheili. [TD 212] ORAN do na brogan a chaidh Ghibhteadh do Uileam Loban. Air fonn, A bhean leisich a’n stop dhuinn. I. ’S FHADA chualas mun astaìr, A mheasg dhubh-ghall air machair, Am fheil’micheil na martadh, Thug mi sgriob am ga faicinn, ’S ga bu sgi mi tighinn dachaidh, Rachainn fhein greis mu sheach do’n tigh ost’. Racbainn fhein greis, &c. &c. II. ’S ge d’ a bha mi air ’m aineol, Air fèil Iner-Narran, [TD 213] A reic feadal ’s gan ceannach, Cha d’theìd mi ga aithris, Bheir luchd sgeulachd a’n aire, Do’n dh’èirich san tarraing ud dhomhs’. Do’n dh’èirich san, &c. III. Fhuair mi acaid nach b’fheaird’ mi, Fuachd a ghlaca’ ma’m àirnean, Rinn a’n cratan ma shàradh, ’S chuir è seachran mo shlaint’orm, ’S fhada uam bhi ga aicheadh, Fuachd mo chasan a dh’fhag mi gun treoir. IV. Bha mo bhrogan air sgaoileadh. ’S cha ro seòl air an caonadh, Bha iad leointe le daorach, On a dh’òladh iad daonnan, As gach lòn agus caochan, Ach an d’fhàs iad co èatrom, ’S nach seasadh a h aon diu’ le ’n deoin. V. A tighinn dhachaidh dhomh ’m fheasgar, Gan thachair rium fleasgach, A’n tigh ost’ bhaile Chleaban, Chuir mi eòlas air beagan, S cha robh ’n t-oganach bleideil, Oir b’fhear ceaird è bha teisdeal gu leoir. [TD 214] VI. Oir b’fhear ceaird è bha barruight’. ’S math a dh’fhuaitheadh sa gearradh, Rinn domh brogan le cabhaig, Gun a’m paidh a tharaing, ’S gu ma slàn da re mhairionn, Thug e àithn’ doibh gun teanna’ ri h òl. VII. ’S ga b’è chluinneis mo dànachd, Mun dean mi’n aineol nar fàgail, Uilleam Loban th’air câch rium, Tha mi fuireach mar b’àbhaist, Ann ann braigh bhail’ a’n fheàrna, Far an d’fhuair mi fheìn m’àrach’s mi òg. VIII. Do dhobhaich choileachaidh bhòidheach, Far an gaoradh an smeòrach, Thoir mo shoraidh gu Dòmhnal, Tha do charraig nan Tòiseach, ’An tigh ’n fhuaran a chòmhnaìdh, Nach d’chuir teaga’s na brògan thoirt domhs.’ IX. ’S gu mo slan air an fhleasgach, ’S buaigh làrach am feast air, Ann sgach ait’ an san seas e, Rinn e ’n aird’ iad gu dleasnach, [TD 215] Mo fheil’ martainn le teistneas, Thug iad slàinte dhomh’s leasacha treoir. X. Siomadh neach a tha’n tòir orr’, Sa bhios tric ann am chòmhradh, Fad na seachduin, ’s di-dònaich, Gabhail beachd air na brògan, A fhuair mise on Tòiseach, A Strath-h-Eireann na mhor bheann’s na gleann. XI. Cha’n ’eil cron orra ’sleir dhomh, Tha iad uile co spèiseil, Uachdar chaiteanach ghrèihhte, ’S buinn shasnach le chèil ionnt’, ’S air mo chasan ’nuair thèid iad, Struagh do’n chlach da’m bean tè dhiu le’n sroin. XII. Slionar òganach treubhach, Theid am mach ris an Lèibhis, Ga’m bheil earras a’s feadal, Os-cinn isgeiden gle gheal, ’S math thig breachdan a’n fhèili’, Bheireadh pailteas dhomh ’n èiric na’m bròg. XIII. Slionar caileag ghlan bheusach, A bhios gu h iorramach bèacach, [TD 216] Air banais ’s air fèiltean, A ghabh tlachd dhiom le ceutamh, ’S bì’dh farmaid gach tè dhiu, Re mo chaileag ’nuair thèid sinn a dh’òl. XIV. Am buaighean uile cha d’theid mi, Ge d’ a b’urainn mi fèin ann, An cuir uile an cèil duibh, Mun can cach rium gur breugan, Tha mi’g airis co eudmhoir, On nach b’àbhaist domh fèin bhi re sglò XV. Ach thoir mo shoraidh gun èiridh, A thigh a’n fhuaran Shrath-h-Eireaun, Gu fear ceairde tha gleusta, Fhuair e urram th’air cheudan, Rinn domh fàbhair ’s cha dhè’-laimh, Is àir a chàirdeas cha d’thèid mi chuir sgeoil. XVI. ’S è dh’fhuil rioghail a dh’èireadh Gu dileas le cheile, Clann-Tòisich nan geur lann, Slionar caraid nach treigeadh, Ann an Alba na’m b’fheadar, ’S bhithinn fheìn leò’n eacoir nan còir. [TD 217] XVII. ’S ga b’e chuireadh orr’ cratan, Rachadh tòireachd thoirt dachaidh, Le fir òg chlann-Chatan, Nach d’chuir dòibh ann an geallteachd, ’S nach diobradh a bhrataich, Fhad sa chitheadh iad cat re crann stròl. XVIII. Bi’dh surd a’s uigheam le chéil ’achd, Piob is sioghail gan gleusadh, Sunntach crioghail gun eacoir, Run mo chridhe gu lèir dhoihh, Tha mo chabar a geiridh, San deoch slainte gun d’theid mi ga h-òl. [TD 218] ORAN gearain air Cairdean. Air fonn, Gur muladach tha mi, ’S mo leannan air fas rium ’an gruaim. I. MILE marbhaisg do’n t-saoghal, ’S mairg a bhitheadh ga chaoine gach là, Cha’n ’eil aond aig a h aon air, ’S ann am bheachd cha’n ’eil maoin ann ach sgail, ’S e mar cheò air an aonach, Cuiridh osag do’n ghaoith è as àit’, ’S ionann sin ’s mar tha daoine, Tha iad uile co caochlaideach gnà’. [TD 219] II. Tha iad uile lan caochla’, ’S tha iad lionar a dh’fheadas a ra’, Agus mis’ air a h-aon diu, Gabhail beachd air gach taobh mar tha cach, ’S bochd an naigheachd re sgaoileadh, Air na cairdean gun chaochail iad càil, ’S gun d’fhas iad co aogaidh, D’am b’abhaist bhi daonnan fo’ bhlà. III. ’Smairg a chreide’ droch sgeulachd, Na shiubhladh le breugan a’s sgleò, ’S cuis gun onair an èacoir, Ge d’ tha prothait ag èiridh fo’ sgeòd, Cuiridh a’n donas o chèile i, Mar an deathaich a dh’èireas sna neoil, Se chuir Alba gu mi-mheas, Gun reic iad an Righ air son g—t. IV. Ach mo reic sibh mo chàirdeas, ’S nach d’fhuair sibh air airgiod no òr, Nior robh fios aig mo nàmhuid, Mar tha m’inntin a’ cò’-stri ri m’fheoil; Siomadh neach a thug tàir dhomh, ’S gaoth an ear thug i strachd air mo sheol, Sa ri nior robh fios sud, Aig an tì leis am miste mo bhròn. [TD 220] V. ’Nuair thig an samhradh air cheili, Gheibh sinn teas o na ghrein nach bi gann, Dreach a gheamhraidh gar trèigsin, ’S thig a Chu’ag a Eirinn an nall, Cha’n ’eil ian ann ’s na speuraibh, Nach dean am feadan a ghleusadh gu càinnt; ’S mar dean sibhse da rèir sud, ’S beag an t-ioghna bhur beul a bhi càm. VI. ’S ge d’ a thuirt mi cam-beulaich, Sliochd nan curaidhean treun-mhoir nach fann, Ge b’e dheanadh orr’ èacoir, Cha b’chuis fharmaid iad fein ann san am; Nam dhoibh t-ional ri cheile, Bhithinn fhein gar am b’fheudar dhomh ann, Sinn co dileas da chèile, Sa tha crocan an fheigh re mo cheann. [TD 221] [Blank] [TD 222] The BANKS of the DEE. I. ’T WAS summer, when softly the breezes were blowing, And sweetly the nightingale sung on the tree, At the foot of a rock, where the river was flowing, I sat myself down on the banks of the DEE. Flow on, lovely Dee, flow on, thou sweet river, Thy banks’ purest streams shall be dear to me ever, It was there I first gain’d the affection and favour Of JAMIE the glory and pride of the Dee. [TD 223] Bruachan Uisg’ a Dhee, air Eadar-theangacha. I. ANN san t-samhradh chiuin thairis, s na h-osaga sèideach, Bu mhilis a Chèiteag, ’s i sèinn o na chraoibh, Aig iochdar na creige, rinn an abhainn a treigsin, Gun shuidh mi leam fèin, sann air bruachan na Dee; Siubhail a ghaoil uisge Dhee, siubhail caoin a chaomh abhainn, Do bhruachan glan struthan, bi’dh dhomh gaolach ri’m mhaireann, Far na bhunnuich mi’n tùs, a cheud ìul agas cathrann, Air Seumas se glòir agus uaisle na Dee. [TD 224] II. But now he’s gone from me, and left me thus mourning, To quell the proud rebels, for valiant is he; And, oh! there’s no hope of his speedy returning, To wander again on the banks of the Dee. He’s gone, hapless youth! o’er the loud-roaring billows, The kindest and sweetest of all the young fellows; And left me to stray ’mongst the once-loving willows, The loneliest maid on the banks of the Dee. III. But time and my prayers may perhaps yet restore him, Blest peace may restore my dear shepherd to me, And when he returns, with such care I’ll watch o’er him, He never shall leave the sweet banks of the Dee. The Dee then shall flow, all its beauties displaying, The lambs on its banks shall again be seen playing, While I and my Jamie are carelessly straying, And tasting again of the sweets of the Dee. [TD 225] II. Ach a nis chaidh e uam agus dh’fhag e mi deurach, A chlaoidh prois nan reubal, oir ’s treubhach e cinnt, Ach o cha’n ’eil duil, e thighinn ath-ghearr air eòlas, Gu siubhal gu h-ordal air bruchan na Dee; Chaidh’n t-oig-fhear le sùnnt th’ar tuinn uaimhreach thuileach, Se is cairdiche, beus do na treun fhearuibh uile, ’S dh’fhag e mise gu faon’trach sa chaomh choile dhuillich, Am aonar th’ar gruagach, th’air bruachan na Dee. III. Ach faodai’ tiom agus m’ ath-chuinge, aiseag a ris domh, Sith beannuight’ le buaigh, bheir mo bhuachaill dhomh fhein, ’Nuair thig e air ais, ni mi caithris gun sgios air, Cheann’s nach fhag e ri bhnan mhaireann bruana Dee; Sin, bheir an Dee seolladh àrd, ga h-àilteach uile, ’S na h-uain ni mu bruach gu h uabhrach mire ’S bi’dh Seumas mar thaic sinn neo-thoirteil ag’-imeachd; ’S sinn a blasad air ais, sann air taitneas na Dee. [TD 226] IV. Thus sung the sweet maid on the banks of the river, And sweetly re-echoed each neighbouring tree; But now all these hopes must evanish for ever, Since Jamie shall ne’er see the banks of the Dee. On a foreign shore the brave youth lay dying, In a foreign grave his corps now are lying, While friends and acquaintance in Scotland are crying, For Jamie the glory and pride of the Dee. V. Mishap on the hands by which he was wounded; Mishap on the wars that call’d him away From a circle of friends by whom he was surrounded, That mourns now for Jamie the tedious day. Ah! poor hapless maid! that mourns discontented, The loss of a lover so justly lamented. By time, only time, may thy grief be cemented, And all thy sad hours become chearful and gay. [TD 227] IV. So mar shèinn an deas ghruagach, air bruachan na h abhainn, ’S rinn gach craobh le mac’talla, fuaim tairis thoirt dì, Ach a’ nise gach earbsa, feumaidh searga’ gu maireann, Thaobh gu brath nach fhaic Seumas bruachan èibhinn na Dee; Air cladach gun iùl tha’n t-og ùr air a ghabhail, Ann an uaigh air bheag iùl tha e nise na laidhe, Tha luchd eòlais sa chàirdean, ann an Alba gun aigheir; Air son Shèumais se gloir agus uaisle na Dee. V. Mi-shealbh air na lamhan, leis an deachaidh a leònadh, ’S mi-shealbh air an toirm, a thug gairm dha air fàlbh; O ghàradh ga chàirdean, chuairtichear leò è, Dheanadh bròn air son Sheumais, ’s gur cianal an lá; Maighdean gun treoir, tha brònach gun fhurast, Air call a h aon ghaoil, ’s cha’n ioghna’ dhi mulad; Se tìom, amhain tìom, bheir a gruaimen gu h ionad, Sa dubh uairen gu leir, thoirt gu h èibhneas a ris. [TD 228] VI. ’T was honour and brav’ry made him leave her mourning, From rebels’ oppression his country to free, He left her in hopes of his speedy returning, To wander again on the banks of the Dee. For this he defy’d all dangers and perils; For this he espoused Britannia’s quarrels, That at his return he might crown her with laurels The happiest maid on the banks of the Dee. VII. But the fates had decreed that his fall should be glorious, How dreadful the thoughts may be ever to me, He fell, like brave WOLFE, where the troops were victorious, And each tender heart must bewail the decree, Yet, though he be gone, the once-faithful lover, And all our fine schemes of happiness over, No doubt he implor’d Heav’n’s pity and favour, For her he had left on the banks of the Dee. [TD 229] VI. Se treubhantas onair, thug dha fagail deurach, Gu dhuthaich bhi gleiteach o reubalachd chli; ’S dh’fhag è i’n duil, è thiginn ath-ghearr air eòlas, Gu Siubhal gu h òrdail, air bruachan na Dee; Air son so chuir e suarach, cruadal a’s cunnart Se so chuir mar cheist air, streup Bhreitinn a chumail; Chuir’s gun crunadh è’n aird i le labhrais na philleadh, Co sona re gruagach, bheir bruachan na Dee. VII. Ach dhorduich na cùisean a thuiteam bhi glòir-mhoir, Cia grathail an còmhnaidh, na smuaintean dhomh fhein, Mar UOLE treun gun thuit è, far am b’uchdardaich, torachd ’S gach cridhe caomh còir ni iad bròn as an ni, Gidheadh gar nach maireann, an leannan bu sheasmhaich, ’S ’ar deilbhein grinn thairis, ’s ’ar car’annachd theich iad; Cha’n ’eil teagamh nach d’ach’nuich e truas agus freasdal, Air a sons rinn e fhàgail, air bruachan na Dee. [TD 230] KATHARINE OGIE. I. As walking forth to view the plain, Upon a morning early, While May’s sweet scent did cheer my brain, From flowers which grew so rarely; I chanc’d to meet a pretty maid, She shin’d though it was fogie; I ask’d her name; Sweet Sir, she said, My name is Katharine Ogie. II. I stood a while, and did admire To see a nymph so stately, So brisk an air there did appear In a country maid so neatly; [TD 231] [TD 229 san leabhar fhèin] CAITRIN OGAI, air eadar-theangacha o’n Bheurladh. I. AG AMHRAC reidh-lonn gabhail sràid, ’Sa mhaidin bha è gle mhoch, Ghlan faile Bealtainn m’eanchainn àrd, O luighean dh’fhàs gu ceutach, Le graid gun thachair caileag ghrinn rium, A’s dhealruich i ga b’cheò è, ’S dh’iarr mi h-ainm ’s le ’ur ceud thuirt mi, Se m’ainmse Caitrin Ogai. II. Sheis mi greis le moran tlachd, Is òigh na mais mo bheachd orr’, A gnuis bu bhrisg a thaisbein ris, A maighdean duthch’ co reachail; [TD 232] Such nat’ral sweetness she display’d, Like a lilly in a bogie, Diana’s self was ne’er array’d Like this same Katharine Ogie. III. Thou flow’r of females, Beauty’s queen, Who sees thee, sure must prize thee; Though thou art drest in robes but mean, Yet these cannot disguise thee; Thy handsome air and graceful look Excels each clownish rogie, Thou’rt match for laird or lord, or duke, My charming Katharine Ogie. IV. O were I but some shepherd swain, To feed my flock beside thee, At bughting time to leave the plain, In milking to abide thee; I’d think myself a happier man, With Kate, my club, aud dogie, Than he that hugs his thousands ten, Had I but Katharine Ogie. V. Then I’d despise th’ imperial throne, And statesmen’s dang’rous stations, I’d be no king, I’d wear no crown, I’d smile at conq’ring nations; [TD 233] [TD 213 san leabhar fhèin] Do thaitneis nàduir dh’fheuch’ i pàirt, Mar lili fàs ’s na loinntibh, ’S cha robh Diana sgeadaicht’ riamh, ’An sgìamh ri Caitrin Ogai. III. ’S tu aoidh nam ban, ’s ban-righ gach tlachd, ’S na chith thu molaidh iads thu, Ge d’ bhi d’ tu’n èididh riobach bhreun, Do choltach fèin cha’n fhag thu, Do ghnuis chathair, seolladh flathail, Bheir barr air samh gun eòlas, ’S gur compach do thighearn no Duic, Ma rùnsa Caitrin Ogai. IV. Nam b’ sheirbheiseach do Chiobair mi, Toirt suas mo threud ceart lamh riut, Mu eadra’ dh’fhagainn comhnard rèidh, ’S m’am bleothann thiginn dàna, Shaoilinn ’an sonas mi fhein, Le Caitir cù a’s cròchdaig, Nis mo na fear le mhiltibh dlù, Nam bu leamsa Caitrin Ogai. V. An cathair rioghail, chuirinn suarach, ’S curam cruaidh nan stataibh, Cha bhithinn m’Riogh, is chaithinn crùn, ’S ri ceannsachd dhuchan ghairinn, [TD 234] Might I caress and still possess This lass of whom I’m vogie; For these are toys and still look less, Compar’d with Katharine Ogie. VI. But I fear the gods have not decreed For me so fine a creature, Whose beauty rare makes her exceed All other works in nature, Clouds of despair surround my love, That are both dark aud fogie, Pity my case, ye pow’rs above, I die for Katharine Ogie. [TD 235] [TD 216 san leabhar fhèin] Nam faighinn suairceas, sealbh gu buan, Air a ghruagach a chuir seòl orm, ’S buill sgeig gach nì, dhiu sud ’s ne’s ìsl’, ’Am pris ri Caitrin Ogai. VI. Se m’eagal nach d’orduich na dìa’en, Riamh dhomh leithid a chreatair, Chuir a h-àilteachd th’ar gniomh nàduir uile, Ard ’s na h-uile ceum i, Tha neoil an-earbs’ man cuairt dom’ghaol, Tha dorch maraon ’s iad ceò’ail, A chumhachaibh àrd gabhaidh truas mar thà, Neo’s bàs dhomh Caitrin Ogai. [TD 236] BONNY PEGGY. SAW ye nae my Peggy? Saw ye nae my Peggy? Saw ye nae my Peggy, Coming o’er the lee? Sure a finer creature Ne’er was formed by nature So complete each feature, So divine is she. II. O! how Peggy charms me, Every look still warms me, Every thought alarms me, Lest she love me not. [TD 237] PEGIE BHOIDHEACH. I. AM faca sibh mo Phègie, Am faca sibh mo Phègie, Am faca sibh mo Phègie, Gluasad th’ar an fhri; Cha do chruthaich nàduir, Creatuir riamh co araidh, Lan ’s na h-uile h àilteachd, S ti os-nàird a th’innt. II. Mo Phègie lion i ’naird mi, Gach sealladh cuiridh blas orm, Na h-uile smuaint’ ni’m chradh, Gun fhios na gradhaich i: [TD 238] Peggy doth discover Nought but charms all over, Nature bids me love her, That’s a law to me. III. Who would leave a lover To become a rover? No, I’ll ne’er give over, Till I happy be; For since love inspires me, As her beauty fires me, And her absence tires me, Nought can pleasè but she. IV. When I hope to gain her, Fate seems to detain her, Could I but obtain her, Happy would I be; I’ll ly down before her, Sigh, bless, and adore her, With faint looks implore her, Till she pity me. [TD 239] Cha toir Pegie beachd dhomh, Air ni ach air feartain, Dh’iarr nàduir orra dol faisg orr’, ’S lagh an t-achd dhomh fhein. III. Co thrèigeadh a bhi gràdhach, ’S tighinn gu bhi na strachdar, Dhiom cha leig gu bràth, Ri sonas thà mi strì, On lion a gaòl air dòigh mi, Ceart mar loisg a bòichead, Ga h-easbhui’ sgi mi’n còmhnui’, Cha toilich seòl ach ì. IV. ’Nuair shaoileas mi a buannach, Cuis ni cumail uam, ’S na faighinn ceangal buan orr’, ’S toilicht’ ghluaisinn fheìn Laighinn sios gu h ùir dhi, Osnuich, moladh cliu dhi, Sealadh fann le ùmhlachd, ’S truas gun dùraig i. [TD 240] My WISH. IF I cannot in chains be bless’d With her whom I adore, I wish I could convey myself Unto some distant shore. And there to live a lonesome life, Unknown to my foes, Despair might shift, I would not trust, Nor think of woman more. Mo DHURRACHD. MAR tar mi fhein bhi’n banntaibh glaist, Leis an ti don d’thug mi gradh, B’fhearr leam gun tarainn sèolladh brais, Gu tir air lea o chach, ’S gun caitheann mo bheath uaigneach seamh, Gun fhios dom’ naimhde ba, An-earbs’ air chul, cha chuirinn m’iul, Ma duil ’an bean gu brath. CHRIOCH. [TD 241] MEARACHDA CHLO-BHUAILT’. TAOBH. LINE. 8 23 Air son gruuntar Ieuhb grunntar 60 10 gnn gun 71 11 gaal geall 86 8 uach nach 94 18 gnn gun 95 20 gsidheil gaidheil 96 7 gnn gun 148 11 dhninn dhuinn 163 19 ohruinne chruinne 169 6 bhlat’ bhlast’ 174 9 am ann 177 6 fheoit fheoil In the Dedication, last line but one, for PRESENT read FERVENT. [TD 242] [Blank] [TD 243-73] SUBSCRIBERS’ NAMES. [Beurla]