[DA 1-2] [Blank] [DA 3] TO THE PUBLIC. MR Patrick Stewart, the Translator of this valuable book, did not live to see it published; nor was the work quite completed when he died. Assistance was procured, however, from other quarters, and the Translation is now offered to the Public. OWING to the circumstance above stated, and the Printer’s ignorance of the Gaelic language, it is possible some errors may have crept into the work, notwithstanding the utmost care to prevent them. These will be found merely errors of the Press, and such as do not affect the Text. It is therefore hoped, the candid Reader will correct them and excuse them. [DA 4] THE BOOK OF COMMON PRAYER, AND ADMINISTRATION OF THE SACRAMENTS, AND OTHER RITES AND CEREMONIES OF THE CHURCH, ACCORDING TO THE USE OF THE CHURCH of ENGLAND; TOGETHER WITH THE PSALTER OR PSALMS OF DAVID, POINTED AS THEY ARE TO BE SUNG OR SAID IN CHURCHES. EDINBURGH; PRINTED BY JOHN MOIR, AND SOLD BY ALL THE BOOKSELLERS IN THE CITY; AND BY MORRISON and SON, Perth; DAVIDSON, Inverness; ANGUS and SON and A. BROWN, Aberdeen. 1794. [DA 5] LEABHAR NA H’URNUIGH CHOITCHIONN AGUS FRITHEALADH NAN SACRAMAINTE, AGUS RIAGHAILTE AGUS DEASGHNATHA EILE NA H’ EAGLIS: DO REIR GNATHACHADH NA H’EAGLAIS SHASGONAICH: MAILLE RIS AN T SALTAIR NO SAILM DHAIBHIDH. AIR AM PONCADH MAR SHEINNEAR NO THEIREAR IAD SAN TEAMPULL DUN EIDEANN: CLO’ BHUAILTE LE J. MOIR. 1794. [DA 6] [Blank] [DA 7] Na Nithe ata air an cur sios ’san Leabhar so. 1. An Riaghail ann sam bheil Leabhar nan Salm air ordughadh go bhi air a leughadh. 2. An Riaghail ann sam bheil a chuid eile do’n Scriobtuir naomha air ordughadh go bhi air a leughadh. 3. Clar Leasoin agus Sailm shonruighte. 4. An Callandar maille re Clar nan Leason. 5. Cloir agus Riaghailte air son na Laithe feiste agus trosgadh feadh na Bliadhna. 6. Ordugh Urnuigh Mhaidne. 7. Ordugh Urnuigh Fheascair. 8. Creid N. Athanasius. 9. An Liodan. 10. Urnuighean agus Breith Bhuidheachas air Fatha eagsamhail. 11. Na H’urnuigh, na Litrichibh agus na Soisgeil r’an gnathach aig Frithealadh a Chomanaich Noamh feadh na Bliadhna. 12. Ordugh Frithealadh a Chomanaich Noamh. 13. Ordugh Baiste follasach agus Uaigneach. 14. Ordugh Baiste na Muintir a thig gu’ Haois. 15. Na Ceistin. 16. Ordugh air son Daingneachadh Leanabh. 17. Foirm a Phosaidh. 18. Sealltuin agus Comanach nan Daoine tinne. [DA 8] 19. Ordugh Adhlacadh na Marbh. 20. Tabhairt Bhuidheachas air son Bhan a’n deigh Cloinn-Bhreith. 21. Co’ Bhagradh no Foillseachadh Corruich agus Breitheamhnais Dhe an aghaidh Pheacairean. 22. An t Saltair. 23. Foirmean Urnuigh air Mnir. 24. Na 39 Poncan do’n Chreidimh. [DA 9] An Reaghail ann sam bhul Leabhar nan Salm air ordughadh go bhi air a leughadh. BITHIDH Leabhar nan Salm air a leughadh thairis aon uair gach mios, mar ata e air ordughadh, maroan air son Urnuigh Mhaidne agus Fheascair. Ach ann san Fhaoilledh leughar e’mhain gus an ochdamh, no an naoidhe la’ar fhichiod d’on Mhios. Ann sna Miosan sinn ann sam bheil aon La deug ’ar fhichiod, tha e orduighte gum bithidh na Sailm a chuaigh leughadh air an dechamh La’ar fhichiod air an leughadh ar an aon la deug ar fhichiod. Agus do bhri gum bheil an 119 Salm aer a roinn gu aon chuibhroinn thar fhichiod; dh’orduighe nach leughar thar ceithir no cuig do na cuibhroinn sin san aon am. Agus aeg deire gach Salm, comhaith as aig deire gath cuibhroinn do’n 119 Salm, bithidh an Laoidh so aer a leughadh. Gloir gu roibh do’n Athair, agus do’n Mhac, agus do’n Spiorad Naomh; Mar a bha air tus, anois ata, is bithidh gu brath; saoghal gun crich. Amen. [DA 10] An Riaghail ann sam bheilachuid eile do’n Scriobtuir naomha air ordughadh gu bhi air a leughadh. THA cheud Leason aig Urnuigh Mhaidne agus Fheaschair r’a thabhairt as an t’sean Tiomna; air achd is gum bi a chuid as mo dheth air a leughadh aon uair san Bhliadhna mar ata an clar miosachain ag ordughadh. Tha na dara Leasoin r’an tabhairt o’n Tiomna Nua; ni as coir a leughadh gu riaghailteach thairis tri uairibh san Bhliana, osbar air na Litrichibh agus na Soisgeil: ach tha Leabhar an Fhoillsicheadh r’a leughadh air Laithe Feisti sonruighte. Chum fios fhaghail air na Leasoin is coir a leughadh gach la amhairc air son an La ann sa Mhiosachan. Tha na Leasoin a bhuinneas ris na feiste ata ag athracha agus na feiste neoghluaiste, air ann faotinn an ’sna cloir leasoin sonruighte. ’Nuair ata Sailm agus Leasoin shonruighte air ordughadh; leigear na sailm agus na Leasoin ghnathaighte seachad. Thoir fainear, Gu’m foghain an Urnuigh, an Litir, agus an Soisgeul a dh’orduighe air na Laithe Domhnich, air an T’Seachduin na dheigh, ’nuair nach, eil atharacha so air aithne. [DA 11] Leasoin Iomchuidh r’an Leughadh ag Urnuigh Mhaidne agus Fheascair air Laith Diomhnich feadh na Bliadhna. [Clàr] [DA 12] Leasoin Iomchuidh r’an Leughadh ag Urnuigh Mhaidne agus Fheascair air Laith Noamh feadh na Bliadhna. [Clàr] [DA 13] Leasoin Iomchuidh r’an leughadh aig Urnuigh Mhaidne agus Fheascair air Laith Noamh feadh na Bliadhna. [Clàr] SAILM Iomchuidh air Laith araidh. [Clàr] [DA 14] An Callandar no Miosachan maille res clar nan Leason. Ann an GINMHAIR no an Mios Deidhonnach do’n Gheamraidh tha aon La deug thar fichiod. [Clàr] [DA 15] An Callandar maille ris Clar nan Leason. Ann an FEABHRA Fhaoillidh no an ceud Mi do’n Erracn tha ochd la thar fichiod, agus ann sna huile bliadhna leam naoidh la ’ar fichiad. [Clàr] [DA 16] An Callandar maille ris Clar nan Leason. Ann an MAIRT no an Mi Meadhonnach do’n Errach tha aon La deug thar fichiod. [Clàr] Thoirt Faiuear. Gum bheil an aireamh tha ceangailte rish gach La faileth, eidear an t’aon La’ar fichiod do’n Mhairt agus an t’ochdamh La deug d’on Aobrain; ag seoladh nan Laithe air am bi airde na Gealaich a tharlas air an aon La’ar fichiod d’on Mhairt, no a cheud Airde Soilse, an deigh an La sin ann sna Bliadhnaibh sin ambheil [DA 17] An Callandar maille ris Clar nan Leason. Ann an AOBRAIN no an Mi Deidhonnach do’n Errach tha deigh La thar fichiod. [Clàr] ead nan aireamh oirdheire agus an Litir Dhonmhuich is faigse an deigh airde na Gealaich, ag comhtharachadh ’magh na Caisg air an Bhliadhna fin Seasmhaidh’n Riaghail so gu’nuig Bliadhna ar Tighearna 1899; na dheigh sin bithidh aite nan Aireamh oirdheire air a muthadh. [DA 18] An Callandar maille ris Clar nan Leason. Ann a MADH no Bheltinn. no an Ceud Mhi do’n Tshamhraidh tha aon La deug thar fichiod. [Clàr] [DA 19] An Callandar maille ris clar nan Leason. Ann an GIUIN no Mi Meadhonnach do’n Tshamhraidh, tha deigh La thar’ fichiod. [Clàr] [DA 20] An Callandar maille ris clar nan Leason. Ann an BUIDHE Mhi no an Mi deidhonnach do’n Tshamhraidh tha ao’n La deug thar fichiod. [Clàr] [DA 21] An Callandar maille ris clar nan Leason. Ann an OGUST no an ceud Mhi do’n Fhobhair tha aon La deug thar fichiod. [Clàr] [DA 22] An Callandar maille ris clar nan Leason. Ann an SEACH MHI no Mi meadhonnach an Fhobhair tha deigh La thar fichiod. [Clàr] [DA 23] An Callandar maille ris clar nan Leason. Ann an TOCHD Mhios no Mis deidhonnach an Fhobhair tha ao’n La deug thar fichiod. [Clàr] [DA 24] An Callandar maille ris Clar nan Leason. Ann an NAOIMHI no an ceud Mhios do’n Gheamhraidh tha deigh La thar fhichiod. [Clàr] [DA 25] An Callandar maille ris Clar nan Leason. Ann an DEICHMHI no Mios Meadhonnach an Gheamhraidh tha deigh La thar fhichiod. [Clàr] [DA 26] CLOIR agus RIAGHAILTE air son an Feiste a ata gathraca agus na Feiste neo-ghluaisti; maille re na Laeth troisg feadh na Bhliadhna. Riaghailte chum fios fhaghail uair tha na Feiste ag athrachadh agus Laeth Naomh toiseacha. SELa naCaisg (air am ag bheil a chuid eile ar crocha do ghna) an ceud Domhnach an diaidh arde na Soilse a tharlas air, no an diaidh an aon La a’r fichiod do’n Mhairt; as mo tharlas arde na Soilse air an Domhnach, se an Domhnach na dheigh La Caisg. Ata Domhnach an Aidbheint do ghna an Domhnach as faigse do Feisd N. Aindrea is dhiabh roimh no nadheidh. Ata Domhnach Septuagesima Naoidh Seachduin roimh an Caisg. Ata Domhnach Sexagesima Hochd Seachduin roimh an Caisg. Ata Domhnach Quinquagesima Seachd Seachduin roimh an Caisg. Ata Domhnach Quadragesima Sea Seachduin roimh an Caisg. Ata Domhn. Rogationadh Cuig Seachduin an diaidh an Caisg. Ata La’n Deasghabhail da fichiod La an diaidh an Caisg. Ata Domhn. na Caingis Seach Seachduin an diaidh an Caisg. Ata Domhn. na Trinaid Hochd Seachduin an diaidh an Caisg. [DA 27] Clar nan Feisdibh uile ata re choimhead ann san Eaglais Shasganach feadh na Bliadhna. Domhnich uile na Bliadhna. Laeth nan Feisde an Teomcheol giarradh ar Tighearna. An Taisbeineadh. Iompachadh N. Phoil. Glanadh Oigh Muirre. N. Matthias Absdail. Teachdaireaehd O. Muirre. N. Mhaircais Soisg. N. Phiiip agus Seomais. La’n Deasghabhail, N. Bharnabas. Dia Luan agus dia Mairt ann Seachduin na Caisg. Laeth nan Feisde an Breith N. Eoin Absd. N. Pheadair Absd. N. Seomais Absd. N. Bartolomai Absd. N. Matta Absd. N. Michael agus uile Ainle. N. Lucas Soisg. N. Simon agus Jud Absd. Uile Naoimh. N. Aindrea Absd. N. Tomais Absd. Breith ar Tighearna. N. Stephein Mart, N. Eoin Soisg. Na Neochentach N. Dea Luan agus dea Mairt anu Seachduin Caingis. [DA 28] Clar nan Bhigil, nan Feisde, agus Laeth trosgadh ata ran comhail san Bhliadhna. Bhigil roimh. La Breith ar Tighearna. Glanadh Oigh Bean Mnirre. An Teachdearachd gus 2’n Oigh Bean Muirre. La Caifg. La’n Deasghabhail. An Caingis. La N Matthias. Bhigil roimh. N. Eoin Baisde. N. Phedair. N. Seomais. N. Bartolomai. N. Matta. N Tomais. Uile Noaimh. Thoir fninear. Mo tharlas oan er bi do na Laeth feisde so air Dia Luain, ata an Bhigil no’n La Trosg re chomhail air an Dia Sathuirne is faisge roimh. Laeth Troisg. 1. Da fhichiod Laeth air Chargus. 2. Na Laeth Luaithreadth air na cair Raidh, se sin ra radh, an Diceadaoin an Diahaoine agus Dia Sathauirne an deigh. 1. An ceud Domh. sa Chargus. 2. An Caingis. 3. An 14 do’n Seachmhi. 4. An 13 do’n Deichmhi. 3. Na tri Laeth Rogationedh, se sin ra radh, Dia Luain, Dia Mairt, agus Diciadaoin roimh, an Diardaoine Noamh, no Deasghabhail ar Tighearna. 4. Gach Diahaoine san Bhliadhna, Soar La Nollaic. Laeth Sonruighte soilemte air son am bheil Urnuigh araidh air an ordugha. 1. An cuigibh La d’on Naoimhi, mar Cuimhnuichean an Chonspiod Phapanach. 2. An deichibh La thar fhichiod do’n Ginmhair, mar cuimhnuichean Mhartearachd an ceud Righ Tearlach. 3. An Naoimh La thar fhichiod do’n Maidh, mar Cuimhnuichean air Breith agus aisiag an dara Righ Tearlach. 4. An cuigead La thar fhichiod do’n Ochdmh air an thoisigh Riaghail Shona Righ Deorsa an Treas. [DA 29] Clar eile air son shaoitin amach La na Caisg go Brath [Clàr] CHUM feum a dheana do’n clar roi inseadh, fuigh Litir Domhnach na Bliadhna san loinne a’s’airde, agus an Uibhar Oir na jonad fein: agus mu choineamh sin, ann ’san loinne cheudna, fo’n Litir Domhnach gheibh thu an La do’n Mhios air do tharlaidh an Caisg s’an Bhliadhna sin. Ach thoir fainear, gu bheil ainm a Mhios air an Laimh chli. [DA 30] An ORDUGH air URNUIGH MHAIDNE agus PHEASCAIR, a chum bhith air an leugha agus air an gnathacha gach La feadh na Bhliadhna. BITHIDH ’n Urnuigh Mhaidne agus Fheascair air ’n cleachda ann an ioniad gnathuighd na Heaglas, n’ Tseapail, no Sansal; mu se ’snach bith e an ordughadh arcir do Uchdir an aita sin. Agus mairidh na Sansail mar a bha iad ann s’na ham a chuaidh seachad, Agus ann so tha e re thoirt fainear, cum bith leithed a Dhaileaganith na Heaglais agus nan Ministribh re uile ama m’friadhladh, air an cumail, agus air n’gnathachdh, mar bha iad sa’n Eaglais Sasganach so, le Uchdaras Pharlamaint ann s’an dara Bhliadhna a Righeachd an Seathuith Righ Edard. [TD 1] ORDUGH NA H-URNUIGH MHAIDNE, GACH LA S A’ BHLIADHNA. ¶ Aig toiseach na h-Urnuigh Mhaidne, leubhaidh a’ Ministeir le h-ard-ghuth aon, no tuille, do na h-earruinibh so, do na scriobtuiribh a leanas: Agus an sin their è an ni sin ata scribhte an deigh na n-earruinean ceudna. A ’NUAIR a philleas an duine aingibh air ais o’ n aingeach a rinn è, agus a ni è an nì sin tha * dligheach agus ceart, Sabhailidh se anam beo. Esec. xviii. 27. Tha mi ’g aidèacha mo † lochdaibh, agus tha mo pheaca do ’ghna fa ’m chomhair. Sal. li. 3. Faluich do ghnuis o’m’ pheacannaibh, agus duth amach m’ uil, aingeachd. Sal. li. 9. ’S iad iobairtean Dhe spiorad brist: an cridhe brist, agus brúite, O Dhe, cha déan ù di-mheas air. Rann. 17. Reubaidh ’ur cridhe, agus ni h-iad bhur n-eudaichin, agus pillibh a dh-ionnsuidh an Tighearna bhur Dia; oir tha è ‡ iochdmhor agus trocaireach, mall a chum feirge, agus § lan do chaomhalachd, agus gabhuidh è aithreacheas o ’n olc. Joel. ii. 13. Do ’n Tighearna ar Dia-ne buinibh trocairean agus maithenais, ge do rinn sinne ceannairc ’na aghaibh: ni mo thug sinn umhlachd do ghuth an Tighearna ar Dia, chnm siubhal ’na reachdaibh a chuir è romhainn. Dhan. ix. 9. 10. * laghail. † chiantaibh. ‡ gràsmhail. § palt ann canimheas. [TD 2] O Thighearna, smachduich mi, ach le breitheanas; ni h-ann a’ d’chorruich, an t-eagal gu’n dean û neimbh-ni dhiom. Jer. x. 24. Sal. vi. 1. Deanuibh aithreachas; oir ata rioghachd neamh am fogus. Mhat. iii. 2. Eiridh mi, agus theid mi dhionsuidh m’ athar, agus their mi ris, Athair pheacaidh mi ’n aghaidh Neamh, agus a’ d lathair se, agus cha’n fhiu mi tuilleadh gu’n goirte do mhac dhiom. Lu. xv. 18.19. Na tòisich am breitheanas ri d’ sheirbheisach, O Thighearna; oir ann a d’ fhianuis cha bhi duine beo air fhireanacha’. Sal. cxliii. 2. Ma their sinn nach ’eil peacadh annainn, tha sin ’g ar mealladh fein, agus ni bheil an fhìrinn annain. Ach ma dh-aidicheas sinn ar peacaidh, tha eisin fìreanach, agus ceart a chum ar peacaidh a mhathadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhireantachd. 1 John, i. 8, 9. A Bhraithrean ro iohnmhuin, tha ’n scriobtuir ann iomad àite ’g ar brosnuchadh chum lionmhoireachd, ar peacaidh agus ar n’aingeachdh aithneachadh agus aidmheil, agus nach bu chòir dhuinn a bhi gabhail an leisgeil no ga ’m folach ann lathair Dhe uile chumhachdaich ar n-Athair neamhuidh, ach an aideachadh le cridhe umhal, iriosal, aithreachail agus uramach, chum gu ’m faigheamaid mhaitheanas ann’ ta trid a mhòr mhaitheas agus a thròcair neo-chrìchnuighte. Agus ge bu chòir dhuinn air gach uile am ar peacaidh aideacha’ gu h-iriosal am fianuis De, gidheadh is còir dhuinn gu ro araidh sin a dheanamh a nuair a chruinnicheas agus a thig sinn an ceann a chèile, chum buidheachas a thabhairt air son nan Sochairean mòra a ghabh sin o laimh, a chliu ro luachmhor a chur an cèill, fhocal ro naomh eisdeachd, agus a dhiarruidh nan nithe sin ata § iomchuidh agus feumail, air son a chuirp co maith ’s airson an anama. Uime sin guidhim agus cuirim a dh’ achanaich oirbh, a mheid ’s ata ’n so lathair, gu ’n rachadh sibh maille rium-sa le cridhe fior--ghlan, agus le guth iriosal, gu righ-chathair a ghrais neamhuidh, ag radh am deigh-se. ¶ Aidmheil gnathuichte, a labhras an comthioual gu h-iomhlan, an deigh a Mhinisteir, air bhi dhoibh uile air an gluinibh. ATHAIR, uile chumhachdaich agus to throcairach, chaidh sinn a’ mearachd agus air seacharan o d’ shlighidh mar chaoirich chaillte. Leann sinn gu ro mhor innleachdan agus tograidh ar cridheacha fein. Chiontuich sinn an aghaidh do § riatanach. [TD 3] reachda’ naomho. Dh-fhag sinn gnn deanamh na nithe sin bu chòir dhuinn a dheanamh, agus rinn sinn na nithe sin nach bu choir dhuinn a dheanamh, agus cha ’n ’eil Slainte annain.—Ach thusa O Thighearna, dean trocair oirn, ciontaich thruagh. Caomhne iadsan, O Dhe, a dh-aidicheas an ciontaidh, tabhair air an ais iadsan a ni aithreachas; A rier do gheallanna a dh-fhoillsicheadh do ’n chinea-daoine ann Josa Criosd ar Tighearna—Agus deonuich, O Athair a ’s mo tròcair, air a sga-san, gu ’m bi sinn an deigh so aig caitheamh ar beatha gu diadhaidh, gu fireanach, agus gu measura, Chum gloir t’ ainm naomha. Amen. ¶ Am Fuasgladh, no a maitheannas pheacanna a their àn Sagart amhain na sheasamh: air bhi do ’n phobul fathast air an gluinibh. DIA uile chumhachdaich, Athair ar Tighearn’ Josa Criosd, le nach mian bas pheacaich, ach leis am b’fhearr è philleadh o aingeachd, agus a bhi beo; agus a thug cumhachd agus aithne d’a mhinisteribh fuas gladh a-gùs maitheanas peacacih fhoillseachadh agus a chuir an cèill d’a phobul air dhoibh aithreachas a dheanamh; Bheir è maitheanas agus fuasgladh dhoibh sin uile a ni fior aithreachas agus gun cheilg a chreideas a shoisgeul naomh. Uime, sin guidhemid air gu’n deonuicheadh è dhuinn fior aithreachas, agus a Spiorad naomha, chum gu’m biodh na nithe ata sinn à deanamh air an àm so taitneach leas, agus gu’m bi a chuid eile d’ ar beatha an deigh so fior-ghlan agus naomh, chum as fadheoidh gu’n d’thig sinn g’a ghairdeachas siorruidh trid Josa Criosd ar Tighearna. ¶ Freagraidh ann pobul an so, agus aig crich gach urnuigh eile. Amen. ¶ An sin sleachdaigh a Ministeir, agus their è urnuigh ’n Tighearna le guth ârd; air bhi do’n phobul mar an teudna air an gluinibh, agus aig radh urnuigb ’n Tighearna mar aon ris, araon ann so, agus an sgach ait’ eile do’n r-seirbhis dhiadhaidh ann san gnathuichear i. AR n-Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith duinne ar ciontaidh, mar a mhaithes sin, dhiobh-sin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach faor sinn o olc; oir is leat-sa an rioghachd, agus a chumhuchd, agus a ghlòir, gu siorruidh, agus gu siorruidh. Amen. ¶ An sin mar an ceudna a their e. O Thighearna, fosgail thusa ar bilean. Freag. Agus taisbeinidh ar beul do chliu. [TD 4] Min. O Dhe dean deifir d’ ar saoradh. Freag. O Thighearna, dean cabhag d’ar comhnadh. ¶ Ann fo air bhi dhoibh uile ’nan seasamh suns, their an Sagart: Gloir do’n Athair, agus do’n Mhac; agus do’n Spiriod naomh. Freag. Mar bha air thus, ata a nis, agus a bhitheas gu siorruidh Saoghal gun chrìch. Amen. Min. Molaibh an Tighearna. Freag. Biodh ainm an Tighearna air a mholadh. ¶ An sin a deirear, no seinni an t’ Salm so a leannas; ach ni’n seinnir e air domhnach na caisge, air am bheil salm eil air orducha, agus cha choir a leubhadh ann so air an naoitheamh-la deug do mhios air bith, ach ann au ordu’ gnathaichte uan Salm. Venite, exultemns Domino. Salm, xcv. O Thighibh, Seinneimid do ’n Tighearna; deanamid gairdeachas gu Suibhir ann § carriag ar Slainte. Thigemid a steach ’n a lathair le breath-buidheachais; agus taisbeinmid sinn fein aoibhneach ann san le Salmaibh. Oir is Dia mòr an Tighearna, agus Righ mòr os coinn nan uile dhee. Ata uile chriochana talmhainn na laimh-sin; agus is leis neart nam beann mar an ceudna. Is leisan an fhairge, agus rinn e ì; agus dhealbh a lamhan an talamh tioram. O Thigihbh, deanamaid adhradh, agus tuitemid sios agus Slèuchdamaid ann lathair Jehobha ar Crui’fhear. Oir is eisin an Tighearna ar Dia, agus is sinne popul inealtraidh, agus caoirich a laimh. An diu ma dh’ eisdeas sibh a ghuth, na cruaidhichibh’ur cridheachan; mar ann s a’bhrosnuchadh, agus mar ann an la bhuairidh san fhasach. Nuair a bhuair ’ur n-aithreacha mi a dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m ’oibre. Re da-fhichiod bliadhna bha mi air mu ghraineacha leis a Ghinealach so, agus a thuirt mi; Is pobul iad ata air Seacharan ’nan cridheachaibh cha robh eolas ac’ air mo Shlighibh. Do na mhionnaich mi a m’ fheirg; nach rachadh iad a steach d’om shuaimhneas. Gloir do’n Athair agus do ’n Mhac; agus do’n Spiorad naomh; Mar a bha air tús, anois ata, is bithidh gu brath; saoghal gun chrich. Amen. § neart. [TD 5] ¶ An sin leanuidh na Sailm an deigh a cheile mar ata iad air an orduchadh.---Agus aig deireadh gach Sailm re na bliadhna, agus mar an ceudna an deigh Benedicite, Benedictus, Magnificate, agus nunc dimittis a deirear. Gloir do’n Athair agus do’n Mhac, &c. ¶ An sin leughar guth soilleir le gut so chluinntinn, an ceud leasan air a thoirt as an t’sean tiomna, mar ata orduichte ann sa || Challandar, (mur’eil leasan àraid air orduchadh air son an la sin). air bhi do’ neach ara leubhadh ’na sheasamh, agus ’g a thiontadh fein, air an doigh is fearr a chluinnear e leo-san uile ata lathair. Agus an deigh sin, a deirir no seinnir ann Gaelic, an laoidh ris an abrar Te Deum landamus gach la fad na bliadhna. ¶ Thoir fainear, roimh gach Leasan gu n abair a Ministeir, ann so ata leithid so chaibdeil a’ toiseach, na raun do leithid so do chaihdeil do leithid so do leabhar; agus an deigh gach leasain, ann so tha’n ceud, no an dara leasam n’ criochnachadh. Te Deum Laudamus. THN sinn a’ toirt molaidh dhuit O Dhe; tha sinn a g’ aidichidh gur tu an Tighearna. Tha’ an talamh uile a toirt adhradh dhuit; an t-Athair bith-bhuan. Riut-sa glaodhuidh na h-aingil uile gu h-ard; nà neamhan, agus gach cumhachd ata annta. Riut-sa tha na Cheraibim, agus Seraphim, aig eigheach do ghna. Naomha, naomha, naomha, an Tighearna Dia nan Sluagh, Tha neamh agus talamh lan do Mhòrachd; do ghloir. Tha Comhthional glormhor nan Absdol; ’a toirt molaidh dhuit. Tha Co’ chomunn ciatach nan faidhean a toirt moladh dhuit. Sluagh uasal nam Mairtereach; molaidh iad thu. An Eaglais naomh air feadh an domhuin uile; aidichidh Si thu; Athair; na Mòrachd gun chrìch. T’ aon Mhac; fior, agus urramach; Mar an ceudna an Spiorad Naomh; an Comhfhuirt-fhear. Is tusa Righ na gloir; O Chriosd. Is tu Mac siorruidh an Athar. A’ nuair a ghabh thu os laimh an Duine a shaoradh; cha bu ghraineil leat Broin na ’Oigh. ’Nuair thug thu buaigh air ‡ guin a bhàis; dh’fhosgail thu riaghachd neamh do na h-uile chreidmhich. Tha thu a d’ shuidhe air deas laimh Dhe; ann glòir an Athar. Tha sinn a creidsin gu’n d’thig thu, gu bhi d’ bhreitheamh oirn. || mios chliar. ‡ Searbhas. [TD 6] Air an abhar sin, guidhemid ort, cuidich do sheirbheisich; a shaor thu le d’ fhuil mhor-luach fein. Dean an aireamh maille re d’ naoimh: ann glòir shiorruidh. O Thighearna, sabhail do shluagh; agus beannuich t’ oighreachd. || Stiuir iad; agus tug suas gu siorruidh iad. O la gu la; ard-mholaidh sinn thu; Agus bheir sinn adhradh do t’ ainm do shior: saoghal gun chrich. Deonuich O Thighearna; ar cumail an diu o pheaca. O Thighearna dean tròcair oirn; dean tròcair oirn. O Thighearna, thigeadh do thròcair a nuas oirn; mar ata ar n-earbs’ annad. O Thighearna, ann ad-sa chuir mi dòchas; na leig Uabhas orm gu brath. ¶ No ’n laoidh in Benedicite omnia opera Domini. O Sibh-se uil’ oibreadh an Tighearna; beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O Sibhs, Aingle an Tighearna, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O fhlaitheise, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O Sibh-se uisgeacha, ata os cionn nan Speur, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus àrduichibh è gu siorruidh. O sibhs’ uile Chumhachdan an Tighearna, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus àrduichibh è gu siorruidh. O a ghrian ’s a ghealach, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O sibhs’ a Reulta neimh, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O a fhrasan, agus a dhriùchd, beannuichibh an Tighearna; molaibh é agus àrduichibh é gu siorruidh, O a ghaothanna Dhe, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus àrduichibh è gu siorruidh. O a Theine agus a Theas, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus àrduichibh è gu siorruidh. O a gheamhra agus a Shamhra, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus àrduichibh è gu siorruidh. O dhriùchd agus a rheotha, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus àrduichibh è gu siorruidh. O a Rheotha agus fhuachd, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus àrduichibh è gu fiorruidh. || Riaghlaich. [TD 7] O Eith agus a Shneachd, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O Oidhcheanna agus a laeth, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O a sholus agus a dhorachadus, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu fiorruidh. O a dhealanaich agus a mealtaibh, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O beannaichaibh an talamh an Tighearna; seadh fòs molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O shleibhte, agus a bheanta ard, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O gach uile luidh uaine air an talamh, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O sibhse a thobraiche, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O a fhairgeachan agus a thuiltean, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O sibhse a mhuca-mara, agus gach uile nì a ghluaiseas ann ’sna h-usgeachaibh, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O uile eunlaith an aidheir, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O uile anmhidh agus spreidh, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O sibhs’ a chlann nan daoine, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O beannuicheabh Israel an Tighearna: moladh iad è agus arduicheadh è gu siorruidh. O sibhs’ a shagairt an Tighearna, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O sibhs’ a sheirbheisich an Tighearna, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O sibhs’ a spioraid agus anaman nam firein, beannnichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O sibhs’ a dhaoine naomh agus iriosal an oridhe, beannuichibh an Tighearna; molaibh è agus arduichibh è gu siorruidh. O Ananias, Asarias, agus a Mhisael, beannuichibh an Tighearna; molaibh à agus arduichibh è gu siorruidh. Gloir do’n Athair, agus do’n Mhac, agus do’n Spiorad Naomh; Mar bha ’n tùs. ata anois, agus a bhios gu siorruidh; Saoghal gun chrich. Amen. [TD 8] ¶ An sin, air an doigh cheudna leubhar an dara leasan, air a’ thoirt as an tiomna nuadh; agns an deigh sin an laoidh a leanas; ach a nuair a tharlas d’i bhi air a leubhadh an sa’ chaibdeil air an la cheudna, no air son an t soisgeil air la Eoin baisde. Benedictus. Lu. i. 68. GU ma beannuichte ’n Tighearna Dia Israel; air son gu’n d’ fhiosruich se agus gu’n do Shaor è a phobul fein; Agus thog è suas dhuinne slainte threun; ann tigh Dhaibhi a Sheirbheiseich fein. A reir mar a labhair se le bèul fhàidhean naomha fein, a bha ann o’ thoiseach an t-saoghail. A thabhairt saorsa dhuinn o ar naimhdibh; agus o laimh na muintir sin uile leis am fuathach sinn; A choilionadh na tròcair a gheall è d’ ar n-aithreachaibh; agus a chuimhneachadh a choi’-cheangail naomha fein; A choi’lionadh a’ mionn’ a mhionnaich se d’ ar sinsir Abraham; gu’n d’ thugadh è dhuinn; Air bhi dhuinn air ar saoradh o laimh ar naimhdin; gu’n deanamaid seirbheis dha gun eagal; Ann naomhachd agus ann am fireantachd ’n a lathair fein: uile laith’ ar beatha; Agus thus a leinibh, goirthear dhiot faidh an Ti is ro-airde oir theid ù roimh’ aghaidh an Tighearna a dh’ ulluchadh a shlighe; A thabhairt eolas slainte d’ a phobull chum mhaitheanas ’n am peacaibh. Tre chaomh throcair ro-mhòir ar De-ne; leis an d’ fhiosraich an ùr-mhadain o’n ionad a ’s àirde sinn; A thoirt soluis dhoibhs’ ata ’n an suidh’ ann dorchadas, agus ann sgail a’ bhais; agus a threorachadh ar casan air slighe na sìth. Gloir do’n Athair, agus do’n Mhac, agus do’n Spiorad naomh; Ma bha ’n tùs, tha a nis agus agus a bhios gu siorruidh; saoghal gun chrìch. Amen. ¶ No an Salm so. Jubilate Deo. Salm 100. O Bithibh aoibhneach ann sa ’n Tighearna, a thirbh uile: deanaibh feirbheis do ’n Tighearna le h aiteas, agus thigibh a steach ’n a lathair le guth ciul. Bithibh cinnteach gur h-è ’n Tighearna is Dia ann: ’s eisin a rinn sinn, agus cha finn fein, is sinne a shluagh agus caoirich ionaltraidh. [TD 9] O Rachaibh a steach ’n a gheatuibh le breith-bhuidheachais, agus ’n a chuirtibh le cliu: bithibh taingeil dha,agus molaibh ainm. Oir tha ’n Tighearna gràsmhor, tha thròcair mairtheanach, agus fhìrin buan o ghinealach gu ghinealach. Gloir do ’n Athair, agus do ’n Mhac, agus do ’n Spiorad naomh; Mar bha ann tùs, ata nis, agus a bhitheas, gu brath: Saoghal gun chrich. ¶ Ann sinn seinnir na theirear Creud nam Absdol leis a Mhinisteir, agus leis an t’ sluagh na’n seasamh. Ach ni h-ann air na laethibh air an d’ orduicheadh Creud N. Atnanasius do leughadh. CReidim ann Dia ant Athair uile chumhachdach, Cruithfhear neimh agus talmhain: Agus ann Josa Criosd aon Mhac san ar Tighearna; Neach a ghabhadh leis an Spiorad Naomha, A rugadh leis an Oigh Muire; A dh’ fhuiling fo Phonsius Pilat, Do cheusa, do fhuair bàs, do adhlaiceadh. Chaidh è sios do dh’ Ifrionn; Air an treas la Dh’ eirich è rìs o na mairbh, Chaidh è suas air neimh, agus ata sè na shuidhe air deas laimh Dhe, ’n Athair uile chumhachdaich; a’ sin thig e thoirt breith air bheothaibh agus air mharbhaibh. Creidim ann san Spiorad Naomh: an Eaglais Naomh choitchinn; Co-chomunn nan Naomh; Maitheanas na ’m peacanna; Aiseirigh na colla. Agus a bheatha mhairtheanach. Amen. ¶ Agns an deigh sin, na ’n urnuighean so a leanas, air bhi do ’n t sluagh uile gu crabhach oir an gluinibh, a Ministeir, air thus aig radh le guth ard. Gu’n raibh an Tighearna maille ribh. Freag. Agus maille re do Spioradsa. Mi. ¶ Deanamaid urnuigh. A Thighearna dean tròcair òirn. A Chriosd dean trocair oirn. A Thighearna dean tròcair òirn. ¶ An sin their a’ Ministeir, an cleirich agus an sluagh urnuigh an Tighearna le guth ard. AR n Athair ata air Neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deannar do thoil air an talamh mar a dheantair air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar ’n aran lathail. agus maith dhuinn ar ciontaidh, mar a mhaitheas sinne dhoibhsin a chiontuicheas n ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. [TD 10] ¶ An sin their a Ministeir ’n a Sheasamh. O Thighearna, taisbean dhuinn do thròcair. F. Agus deonuich dhuinn do shlainte. M. O Thighearna sabhail an Riogh. F. Agus eisd ruinne gu trocaireach, a nuair a ghairmeas sinn ort M. Sgeudaich do Mhinisteirin le fìreantachd. F. Agus dean do shluagh taoghta fein aoibhneach. M. O Thighearna, sàbhail do shluagh. F. Agus beannuich t oighreachd fein. M. Thoir siochaidh r’ ar lin-ne, O Thighearna. F. Do bhrì nach ’eil neach air beith eile ata cogadh air ar son, ach thus amhain, O Dhe. M. O Dhe, glan ar cridheachan an taobh a stigh dhinn. F. Agus na tabhair uainn do Spioradh naomha. ¶ An sin leanuidh tri gear-urnuigh: A cheud aon a bhuineas don la ’Si sin, an aon cheadna tha air a h orduchadh aig a chomanach; an dara aon air son sith; an treas aon air son grais gu beatha chaithe gu maitb. Agus cha chaochlar a chaoidh an da urnuigh dheirionnach, ach theirear iad gach la, aig urnuigh na maidne, re na bliadhna gu hiomlan; mar a leanas; air bhi do’n t sluagh uile air an glunibh. ¶ An dara gear Urnuigh aig iarruidh Sith. O DHE, ata a ’t ughdar sioth-chaimh, agu leis an gradhach rèite, ann an eolas ortsa ata ar beatha shiorruidh a’ cosheasamh, agus do sheirbheis na saorsa iomlan; Dion sinne do Sheirbheisich iriosal o uile ionsuidh ar naimhdin, chum oirne aig am bheil dochas daingean ann do thearmann, nach biodh eagal a’neart eascairde air bith, tre cumhach Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An treas Urnuigh aig iarruidh grais. O THIGHEARNA ar n Ahair neamhuidh, a Dhe shioruidh agus uile chumhachdaich, a thug sinn gu tearuinte gu toiseach an la ’n diu; dion sinn air an la so le d’ mhor chumhachd; agus deonuich nach tuit sinn an peaca air bith air an la n diu, agus nach ruith sinn ann gne air bith do chunnart, ach gu’m bi ar uile dheanadas air an orducha’ le d’ stiuradh fein, chum ’s gu’n dheanamaid do gna a ni sin ata firineach ann a d’ shealla, tre Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Ann Coraidibh agus ann àitibh an deanair seinn, ann so a leanas an laoidh mholaidh. ¶ An sin leughar na cuig urnuighean so a leanas, ach amhain an tam a leughar an achanaich agus ann sinn lèughar an da urnuigh dheirionach amhain, mar ata iad ann sin air an cur sios. [TD 11] ¶ Urnuigh air son morachd an Righ. O THIGHEARNA ar n Athair neamhuidh, ard agus chumhachdach,Righ nan Righreadh, agus Tighearna nan Tighearna, aon fhear-riaghluidh na ’m prionsuidhe, a chi o d’ righ-chathair uile luchd aitecha’ ’n talmhuin; guidheamaid ort gu ro-dhùrachdach, gu’n sealladh tu ann do ghean maith air ar n ard uachdaran ro ghrasail Riogh DEORSA, agus lion è le gras do Spioraid naomh, chum gu’n aom è do ghna dh’ ionsuidh do thoil, agus gu’n gluais è ann do shlighe: Builich air gu pailt tiolaca neamhuidh, tabhair dha saoghal fada ann slainte agus ann saibhreas, neartuich e chum ’s gu ceansuich agus gu’n tabhair e buaidh air a’ naimhuidh uile; agus fa dheoidh an deigh na beatha so, deonuich dha seilbh air solas agus sonnas siorruidh, tre Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Urnuigh air son an teaghlaich rioghail. A DHE uile chumhachdaich, tobar nan uile mhaitheas, tha sin gu h iriosal a’ guidhe, ort gu’m beannuiche tu ar ban-righ ghrasail SHARLOT, an t-ard uasal rioghail DEORSA, Prionsa UALS, agus an teaghlach rioghail gu hiomlan: Lion iad le d’ Spioraid naomh; dean saibhir iad le d’ ghras neamhuidh; soirbhich iad leis gach uile shonnas; agus tabhair iad a chum do rioghachd shiorruidh, tre Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Urnugh air son na cleire agus a phobul. A DHE uile chumhachdaich agus shiorruidh, ata amhain a deanamh miorbhuile mora; cuir a nuais Spiorad slainteil do ghrasa air ar n Easbuigean agus Mhinisteirin, agus air gach uile cho-thionnal ata fo’n cùram; agus doirt orra driuchd bhichionta do bhennachd, chum gn’n toillich iad thu gu ceart. Deonuich so, O Thighearna, chum onair air ar Fear-tagraidh agus arn Eidir mheadhon-fhear Josa Criosd. Amen. ¶ Urnuigh le Naoimh Chrisostom. A DHE uile chumhachdaich, a thug gras dhuinn air ân am so ar n achanaich choitcheann a dheanamh riutsa le aon intinn, agus ata gealltuin, an tra chruinnicheas dithis no triuir ann a cheile ann a d’ ainm, gu ’n deonuicheadh tu an guidhe; coi’lion anois O Thighearna, mianna agus iartuis do sheirbheiseach, mar is ro iomchuidh dhoibh; á tabhairt dhuinn ann san t-saoghal so eolas air t-fhirinn, agus ann sa ’n t-saoghal ata re [TD 12] teachd a bheatha mhairtheanach. Amen. 2 Cor. xiii, 14. GRás ar Tighearna Josa Criosd, agus Grádh Dhe, agus co-chomunn an Spioraid Naoimh, gu raibh maillc ruinn uile gu Siorruidh. Amen. Ann so chriochnuicheas Ordugh Urnuigh na Mhaidne feadh na bliadhna. [TD 13] ORDUGH NA H-URNUIGH FHEASCAIR GACH LA S A’ BHLIADHNA. ¶ Aig toiseach na h-Urnnigh Fheascair, leughaidh a’ Ministeir le h-ard ghuth aon, no tuille, do na h-earruinibh so, do na scriobtuiribh a leanas: Agus an sin their è an ni sin ata scribhte an deigh na n-earruinean ceudna. A ’NUAIR a philleas an duine aingibh air ais o’ n aingeach a rinn è, agus a ni è an nì sin tha * dligheach agus ceart, Sabhailidh se anam beo. Esec. xviii. 27. Tha mi ’g aidèacha mo † lochdaibh, agus tha mo pheaca do ’ghna fa ’m chomhair. Sal. li. 3. Faluich do ghnuis o’m’ pheacannaibh, agus duth amach m’ uil aingeachd. Sal. li. 9. ’S iad iobairtean Dhe spiorad brist: an cridhe brist, agus brúite, O Dhe, cha déan ù di-mheas air. Rann. 17. Reubaidh ’ur cridhe, agus ni h-iad bhur n-eudaichin, agus pillibh a dh-ionnsuidh an Tighearna bhur Dia; oir tha è ‡ iochdmhor agus trocaireach, mall a chum feirge, agus § lan do chaomhalachd, agus gabhuidh è aithreacheas o ’n olc. Joel. ii. 13. Do ’n Tighearna ar Dia-ne buinibh trocairean agus maithenais, ge do rinn sinne ceannairc ’na aghaibh: ni mo thug sinn umhlachd do ghuth an Tighearna ar Dia, chum siubhal ’na reachdaibh a chuir è romhainn. Dan. ix. 9. 10. * laghail. † chiantaibh. ‡ gràsmhail. § palt ann canimhneas. [TD 14] O Thighearna, smachduich mi, ach le breitheanas; ni h-ann a’ d’chorruich, an t-eagal gu’n dean û neimh-ni dhiom. Jer. x. 24. Sal. vi. 1. Deanuibh aithreachas; oir ata rioghachd neamh am fogus. Mhat. iii. 2. Eiridh mi, agus theid mi dhionsuidh m’ athar, agus their mi ris, Athair, pheacaidh mi ’n aghaidh Neamh, agus a’ d lathair se, agus cha’n fhiu mi tuilleadh gu’n goirte do mhac dhiom. Lu. xv. 18.19. Na tòisich am breitheanas ri d’ sheirbheiseach, O Thighearna; oir ann a d’ fhianuis cha bhi duine beo air fhireanacha’. Sal. cxliii. 2. Ma their sinn nach ’eil peacadh annainn, tha sin ’g ar mealladh fein, agus ni bheil an fhìrinn annain. Ach ma dh-aidicheas sinn ar peacaidh, tha eisin fìreanach, agus ceart a chum ar peacaidh a mhathadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhireantachd. 1 John, i. 8, 9. A Bhraithrean ro ionmhuin, tha ’n scriobtuir ann iomad àite ’g ar brosnuchadh chum lionmhoireachd, ar peacaidh agus ar n’aingeachdh aithneachadh agus aidmheil, agus nach bu chòir dhuinn a bhi gabhail an leisgeil no ga ’m folach ann lathair Dhe uile chumhachdaich ar n-Athair neamhuidh, ach an aideachadh le cridhe umhal, iriosal, aithreachail agus uramach, chum gu ’m faigheamaid mhaitheanas ann’ ta trid a mhòr mhaitheas agus a thròcair neo-chrìchnuighte. Agus ge bu chòir dhuinn air gach uile am ar peacaidh aideacha’ gu h-iriosal am fianuis De, gidheadh is còir dhuinn gu ro araidh sin a dheanamh a nuair a chruinnicheas agus a thig sinn an ceann a chèile, chum buidheachas a thabhairt air son nan Sochairean mòra a ghabh sin o a laimh, a chliu ro luachmhor a chur an cèill, fhocal ro naomh aisdeachd, agus a dhiarruidh nan nithe sin ata § iomchuidh agus feumail, air son a chuirp co maith ’s airson an anama. Uime sin guidhim agus cuirim a dh’ achanaich oirbh, a mheid ’s ata ’n so lathair, gu ’n rachadh sibh maille rium-sa le cridhe fior--ghlan, agus le guth iriosal, gu righ-chathair a ghrais neamhuidh, ag radh am deigh-se. ¶ Aidmheil gnathuichte, a labhras an comhthional gu h-iomhlan, an deigh a Mhinisteir, air bhi dhoibh uile air an gluinibh. ATHAIR, uile chumhachdaich agus ro throcairach, chaidh sinn a’ mearachd agus air seacharan o d’ shlighibh mar chaoirich chaillte. Lean sinn gu ro mhor innleachdan agus tograidh ar cridheacha fein. Chiontuich sinn an aghaidh do § riatanach. [TD 15] reachda’ naomha. Dh-fhag sinn gun deanamh na nithe sin bu chòir dhuinn a dheanamh, agus rinn sinn na nithe sin nach bu choir dhuinn a dheanamh, agus cha ’n ’eil Slainte annain.—Ach thusa O Thighearna, dean trocair oirn, ciontaich thruagh. Caomhain iadsan, O Dhe, a dh-aidicheas an ciontaidh, tabhair air an ais iadsan a ni aithreachas; A rier do gheallanna a dh-fhoillsicheadh do ’n chinea-daoine ann Josa Criosd ar Tighearna.—Agus deonuich, O Athair a ’s mo tròcair, air a sga-san, gu ’m bi sinn an deigh so aig caitheamh ar beatha gu diadhaidh, gu fireanach, agus gu measura, Chum gloir t’ainm naomha. Amen. ¶ Am Fuasgladh, no a maitheannas pheacanna a their àn Sagart amhain na sheasamh: air bhi do ’n phobul fathast air an gluinibh. DIA uile chumhachdaich, Athair ar Tighearn’ Josa Criosd, le nach mian bas pheacaich, ach leis am b’fhearr è philleadh o aingeachd, agus a bhi beo; agus a thug cumhachd agus aithne d’a mhinisteribh fuas-gladh agùs maitheanas peacacih fhoillseachadh agus a chuir an cèill d’a phobul air dhoibh aithreachas a dheanamh; Bheir è maitheanas agus fuasgladh dhoibh sin uile a ni fior aithreachas agus gun cheilg a chreideas a shoisgeul naomh. Uime, sin guidhemid air gu’n deonuicheadh è dhuinn fior aithreachas, agus a Spiorad naomha, chum gu’m biodh na nithe ata sinn à deanamh air an àm so taitneach leas, agus gu’m bi a chuid eile d’ ar beatha an deigh so fior-ghlan agus naomh, chum as fadheoidh gu’n d’thig sinn g’a ghairdeachas siorruidh trid Josa Criosd ar Tighearna. ¶ Freagraidh ann pobul an so, agus aig crich gach urnuigh eile. Amen. ¶ An sin sleachdaigh a Ministeir, agus their è urnuigh ’n Tighearna le guth ârd; air bhi do’n phobul mar an ceudna air an gluinibh, agus aig radh urnuigh ’n Tighearna mar aon ris, araon ann so, agus an sgach ait’ eile do’n t-seirbhis dhiadhaidh ann san gnathuichear i. AR n-Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith duinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin, dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc; oir is leat-sa an rioghachd, agus a chumhachd, agus a ghlòir, gu siorruidh, agus gu siorruidh. Amen. ¶ An sin mar an ceudna their e. O Thighearna, fosgail thusa ar bilean. Freag. Agus taisbeinidh ar beul do chliu. [TD 16] Min. O Dhe dean deifir d’ ar saoradh. Freag. O Thighearna, dean cabhag d’ar comhnadh. ¶ Ann so air bhi dhoibh uile ’nan seasamh suas, their an Sagart. Gloir do’n Athair, agus do’n Mhac; agus do’n Spiorad naomh. Freag. Mar bha air thus, ata a nis, agus a bhitheas gu siorruidh Saoghal gun chrìch. Amen. Min. Molaibh an Tighearna. Freag. Biodh ainm an Tighearna air a mholadh. ¶ An sin a deirear, no seinnir no Sailm an deigh a cheile mar ata iad air an orducha’. An sin leasan do’n t sean tiomna mar ata orduichte. Agus an deigh sin Magnificat, (no laoidh na h oigh bheannuichte Muire) ann Gælic, mar a leannas. Magnificat. N. Luc. i, 46. ATA m’ anam ag àrd-mholadh an Tighearna; Agus rinn mo Spiorad gairdeachas ann Dia mo shlanuifhear. Do bhrì gu ’n d’ amhairc se; air staid iosail a bhan-oglaich. Oir feuch, o so suas goiridh gach linn beannuichte dhiom. Oir do rinn an Ti ata chumhachdach nithe mora dhamh-sa; agus is naomha ainm. Agus ata a thròcair o linn gu linn; do ’n droing d’ an eagal è. Nochd se neart le ghairdin; Scap è na h uaibhrich ann smuaintibh an croidhe fein. Chur è sios na daoine cumhachdach as an cathair; Agus dh’ arduich’s na daoin’ umhla agus macanta. Lion è ’n droing a bha ocrach le nithibh maith; agus chuir se uaithe na daoine saibhir, folamh. Rinn sé comhnadh re Israel a shearbhanta fein, an cuimhneachadh air a throcair; Mar a gheall sè d’ ar n-aithreachaibh, do dh’ Abraham agus d’ a Shliochd gu brath. Gloir do’n Athair, agus do’n Mhac; agus do’n Spiorad Naomh: Mar bha ’n tùs, ata a nis, a bhitheas gu brath: Saoghal gu’n chrich. Amen. ¶ No an Salm so, mur tachair e air a’ naoitheamh-la deng do ’n mhios, ’nuair a leughar e ann ordugh cumanta nan Salm. Cantate Domino. Salm xcviii. O Seinnibh do’n Tighearna òran nuadh: oir rinn è nithe iongantach. Le a laimh dheis fein, agus le ghairdin naomh, thug è buaigh amach dha fein. [TD 17] Do dh-fhoillsich an Tighearn’ a shlainte; thaisbein è fhìrinteachd gu soilleir am fiadhnais nan geintileach. Chuimhnich sè a thròcair agus fhìrinn do thigh Israel: agus chunnaic criochan an t-saoghail uile Slainte ar Dia-ne. Taisbeinibh sibh fein luath-ghaireach do ’n Tighearn, a thalamh uile; Seinnibh, deanaibh gairdeachas, agus thugaibh buidheachas. Molaibh an Tighearn’ air a chlàrsaich; seinnibh do ’n chlarsaich le Salm buidheachais. Le trompaidibh mar an cèudna, agus le cornaidibh: O taisbeinibh sibh fein luath-ghaireach an làthair an Tighearna an Righ Deanabh an fhairge fuaim, agus gach nì ’ta innte; an cruinne cuairt, agus iadsan a chomhnuicheas ann. Buaileabh na tuilte am basa re cheile, agus deanabh na beantan luath-ghàir am fia’nuis an Tighearna: oir tha è teachd thoirt breith air an talamh. Le fìreantachd bheir e breith air an t saoghal; agus air a phoball le h-ionracas. Gloir do ’n Athair, agus do ’n Mhac, agus do’n Spiorad Naomh; Mar bha air tùs, ata anois, agus bhitheas gu brath; Saoghal gun chrich. Amen. ¶ An sin leasean do ’n Tiomna nuadh, mar ata e orduichtc: Agus an deigh sin Nunc Demittis (no Laoidh Shimeoin) an Gaelic, mar a leannas. Nunc Dimittis. N. Luc. ii. 29. ANois, a Thighearna, ata thu leigeadh do d’ shearbhanta siubhal ann Sith, a reir t-fhocail. Oir chunnaic mo shuile; do shlainte. A dh’ ull’ uich thu roimh ghnuis nan uile phobull; Gu bhi na sholus a shoillseachadh nan Geintileach; agus na Ghloir do d’ phobull fein Israel. Gloir do ’n Athair, agus do ’n Mhac; agus do ’n Spiorad Naomh; Mar bha air tùs, ata anois, agus bithidh gu brath; Saoghal gun chrich. Amen. ¶ No an Salm so, mar tachair e air dara-le-deug do ’n Mhios. Deus Misereatur. Sal. lxvii. GU rabh Dia tròcaireach dhuinn agus gu ’n beannuicheadh è sinn; agus gu ’n taisbeineadh è dhuinn Solus a ghnuis, agus gu’n deanadh è tròcair oirn. [TD 18] Chum gu’m bi do shlighe aithnichte air an talamh: do shlainte shòlasach a measg nan uile chinneach. Molabh an pobull thù, O Dhe; moladh an pobull uile thù. O Deanabh na cinnich gairdeachus agus bi’d aoibhneach: oir bheir thu breith air an t sluagh gu ceart, agus riaghlaidh tu na cinnich air an talamh. Moladh an pobull thu, O Dhe; moladh an pobull uile thu. An sin bheir an talamh amach a’ toradh; agus bheir Dia, eadhoin ar Dia-ne, dhuinn a beannucha’. Beannuichidh Dia sinn; agus bithidh eagal san air criochaibh an t’saoghal uile. Gloir do ’n Athair, agus do ’n Mhac, agus do ’n Spiorad naomh; Mar bha ann tùs, ata nis, agus a bhitheas, gu brath: Saoghal gun chrich. ¶ Ann sinn deirar no seinnir Creud nan Absdail, leis a Mhinisteir, agus leis an t’ sluagh, nan seafamh. CReidim ann Dia an tAthair uile chumhachdach, Cruithfhear neimh agus talmhain: Agus ann Josa Criosd aon Mhac san ar Tighearna; Neach a ghabhadh leis an Spiorad Naomha, A rugadh leis an Oigh Muire; A dh’ fhuiling fo Phonsius Pilat, Do cheusa, do fhuair bàs, do adhlaiceadh. Chaidh è sios do dh Ifrionn; Air an treas la Dh’ eirich è rìs o na mairbh, Chaidh è suas air neimh, agus ata sè na shuidhe air deas laimh Dhe, ’n Athair uile chumhachdaich; a’ sin thig e thoirt breith air bheothaibh agus air mharbhaibh. Creidim ann san Spiorad Naomh: an Eaglais Naomh choitchinn; Co-chomunn nan Naomh; Maitheanas na ’m peacanna; Aiseirigh na colla. Agus a bheatha mhairtheanach. Amen. ¶ Agns an deigh sin, na h urnuighean so a leanas, air bhi do ’n t sluagh uile gu crabhach air an gluinibh, a Ministeir, air thus aig radh le guth ard. Gu’n raibh an Tighearna maille ribh. Freag. Agus maille re do Spioradsa. Mi. ¶ Deanamaid urnuigh. A Thighearna dean tròcair òirn. A Chriosd dean trocair oirn. A Thighearna dean tròcair òirn. ¶ An sin their a’ Ministeir, an cleirich agus an sluagh urnuigh an Tighearna le guth ard. AR n Athair ata air Neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deannar do thoil air an talamh mar [TD 19] a dheantair air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar ’n aran lathail. agus maith dhuinn ar ciontaidh, mar a mhaitheas sinne dhoibhsin a chiontuicheas n ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. ¶ An sin, air bhi do ’n Mhinisteir na Sheasamh a deir fe. O Thighearna, taisbean dhuinn do thròcair. F. Agus deonuich dhuinn do shlainte. M. O Thighearna sabhail an Riogh. F. Agus eisd ruinne gu trocaireach, a nuair a ghairmeas sinn ort M. Sgeudaich do Mhinisteirin le fìreantachd. F. Agus dean do shluagh taghta fein aoibhneach. M. O Thighearna, sàbhail do shluagh. F. Agus beannuich t oighreachd fein. M. Thoir siochaidh r’ ar lin-ne, O Thighearna. F. Do bhrì nach ’eil neach air beith eile ata cogadh air ar son, ach thus amhain, O Dhe. M. O Dhe, dean ar cridheachan glan an taobh a stigh dhinn. F. Agus na tabhair uainn do Spiorad naomha. ¶ An sin leanuidh tri Urnuighean. A cheud Urnuigh an la fein; an dara Urnuigh air son sith; an treas urnuigh air son comhna’ ann aghaidh gach cunnart, mar a leanas an deigh so; theirear an da urnuigh dheireanach gach la aig an urnuigh fheascair gun atharachadh. ¶ An dara urnuigh aig an urnuigh fheascair. O DHE, o’m bheil gach togradh-naomh gach deagh chomhairle, agus gach obair cheart aig strutha; tabhair do d’ sheirbheisich an t siothchaidh sin nach urrain an saoghal a thoirt seachad, chum ’s gu ’m bi ar cridheachan air an suidheacha gu umhlachd thoirt do d’ aitheantan, agus mar an ceudna air bhi dhuinn air ar dion leatsa o’ eagal ar naimhdin, gu ’n caitheamaid ar n-aimsir ann fois agus ann suaimhneas, tre thoiltinis Josa Criosd ar Slanui’ fhear. Amen. § An treas urnuigh air son comhnadh an aghaidh gach cunnart. O THIGHEARNA, guidheamaid ort, soillsich ar dorachadas, agus le d’ mhòr-thròcair dion sinn o gach uile ghabha agus cunnartan na h oidhche so, tre ghràdh t-aon ghinn Mhic ar Slanui’ fhear Josa Criosd. Amen. [TD 20] ¶ Ann Coraidibh agus ann ionnadaibh an deanair seinn, ann so a leanas an laoidh mholaidh. ¶ Urnuigh air son morachd an Righ. O THIGHEARNA ar nAthair neamhuidh, ard agus chumhachdach, Righ nan Righreadh, agus Tighearna nan Tighearna, aon fhear-riaghluidh na ’m prionsuidhe, a chi o d’ righ-chathair uile luchd aitecha’ ’n talmhuin; guidheamaid ort gu ro-dhùrachdach, gu’n sealladh tu ann do ghean maith air ar n ard uachdaran ro ghrasail Riogh DEORSA, agus lion è le gras do Spioraid naomh, chum gu’n aom è do ghna dh’ ionsuidh do thoil, agus gu’n gluais è ann do shlighe: Builich air gu pailt tiolaca neamhuidh, tabhair dha saoghal fada ann slainte agus ann saibhreas, neartuich e chum ’s gu ceansuich agus gu’n tabhair e buaidh air a’ naimhdibh uile; agus fa dheoidh an deigh na beatha so, deonuich dha seilbh air solas agus sonas siorruidh, tre Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Urnuigh air son an teaghlaich rioghail. A DHE uile chumhachdaich, tobar nan uile mhaitheas, tha sin gu h iriosal a’ guidhe, ort gu’m beannuiche tu ar ban-righ ghrasail SHARLOT, an t-ard uasal rioghail DEORSA, Prionsa UALS, agus an teaghlach rioghail gu hiomlan: Lion iad le d’ Spioraid naomh; dean saibhir iad le d’ghras neamhuidh; soirbhich iad leis gach uile shonas; agus tabhair iad a chum do rioghachd shiorruidh, tre Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Urnugh air son na cleire agus a phobull. A DHE uile chumhachdaich agus shiorruidh, ata amhain a deanamh miorbhuile mora; cuir a nuas Spiorad slainteil do ghrasa air ar n Eusbuigean agus Mhinisteirin, agus air gach uile choi-thionnal ata fo’n cùram; agus doirt orra driuchd bhichionta do bheannachd, chum gu’n toilich iad thu gu ceart. Deonuich so, O Thighearna, chum onair ar Fear-tagraidh agus ar n Eidir mheadhon-fhear Josa Criosd. Amen. ¶ Urnuigh le Naoimh Chrisostom. A DHE uile chumhachdaich, a thug gras dhuinn air ân am so ar n achanaich choitcheann a dheanamh riutsa le aon intinn, agus ata gealltuin, an tra chruinnicheas dithis no triuir ann cionn a cheile ann a d’ ainm, gu ’n deonuicheadh tu an guidhe; coi’lion anois O Thighearna, mianna agus iartuis do sheirbheiseach, mar is ro iomchuidh dhoibh; á tabhair dhuinn ann san t-saoghal so eolas air t-fhirinn, agus ann sa ’n t-saoghal ata re [TD 21] teachd a bheatha mhairtheanach. Amen. 2 Cor. xiii, 14. GRas ar Tighearna Josa Criosd, agus Grádh Dhe, agus co-chomunn an Spioraid Naoimh, gu raibh maille ruinn uile gu Siorruidh. Amen. Ann so chriochnuicheas Ordugh Urnuigh na Mhaidne feadh na bliadhna. AN CREUD N. ATHANASIUS. ¶ Air na Feisdibh so; La Nolaic, Epiphani, no La chinn an da la dheug, N. Mhatthias, La na Caisge, La ’n deasghabhala, Diadonaieh caingis, N. Eoin Baiste, N. Sheumais, N. Phartholon, N. Mhatha, N. Shimeoin, N. Jud. N. Aindreas, agus air Domhnach na Trionaid, Seinnir no theirear aig urnuigh na maidne, an aidmheil so air ar Creideamh Chriosduigh, d’ an goireir gu coitchion Creud N athanasius, ann aite creud nan Apstol, leis a Mhinisteir agus leis a phobull nan seasamh. Quicunque vult. CO air bith leis am bail bhi air a shàbhala: roimh gach nì tha è feumail gu’n cumadh è a Chreidimh choitchinn. Ach mur gleidh gach neach an chreideamh so gu h-iomlan gun truaileadh; gun teagamh theid è a mugha gu siorruidh. Agus ’s i so a chreidimh choitchion: Gu ’n tugamaid adhradh do dh-aon Dia ann Trionaid, agus Trionaid ann aonach; Gun bhi coimeasga nan pearsana, no roinn an natair. Oir ata aon phearsa, do ’n Athair, pearsa eile do ’n Mhac; agus pearsa eile do ’n Spiorad Naomh. Ach Dia-achd an Athar, a Mhic, agus an Spiorad Naomh is aon ì uile; an Gloir co-ionnan, a’ mòrachd co-shiorruidh. Mar ata an t-Athair, mar sin ata a’ Mhac; agus mar sin ata ’n Spiorad Naomh. Gun chruthacha’ an t-Athair, gun chruthaacha’ a’ Mhac; agus gun chruthachadh an Spiorad Naomh. An t-Athair neimh-chuartuichte, a’ Mac Neimh-chuartuichte: agus an Spiorad Naomh neimh-chuartuichte. [TD 22] An t-Athair siorruidh, a’ Mac siorruidh; agús an Spiorad Naomh siorruidh. Gidheadh cha tri shiorruidh iad ach aon siorruidh. Mar an ceudna cha ’n ’eil iad tri neìmh-chuartuichte, na tri neimh-chruthaichte; ach nan aon neimh-chruthaichte, agus nan aon neimh-chuartuichte. Mar an ceudna, ata an t-Athair uile chumhachdach, a’ Mac uile chumhachdach, agus an Spiorad Naomh uile chumhachdach. Gidheadh cha tri uile-chumhachdaich, ach ann uile chumhachdach, iad. Mar so is Dia an t-Athair, is Dia a’ Mhac, agus is Dia an Spiorad Naomh. Agus gidheadh cha tri Dee iad ach aon Dia. Mar an ceudna is Tighearna an t Athair, is Tighearna à Mhac; agus is Tighearna an Spiorad Naomh. Agus gidheadh cha tri Tighearna, ach aon Tighearna iad. Oir amhail as mar ata sinn air ar co-eighneacha’ leis an fhirin Chriosduidh; aid eacha’ gu bheil gach pearsa fa leith na Dhia, agus na Thighearna; Mar sin ata è air a thoirmeasg dhuinn leis a chreideamh choitcheann a radh, ata tri Dee, no tri Tighearnan ann. Cha ’n eil an t-Athair air a dheanamh o neach; ni mo ’ta è air a chruthacha’, no air gheineadh. Ata a’ Mhac ’o ’n Athair amhain; cha ’n ann air a dheanamh, no air chruthacha’, ach air a gheaneadh. Ata ’n Spiorad Naomh ’o ’n Athair agus ’o ’n Mhac; cha n ann deanta no cruthaichte, no geinte ach air teachd. Mar sin ata aon Athair ann, ni h iad tri Aithrichean; aon Mhac, cha n’ è tri Mic; aon Spiorad Naomh, cha n’ è tri Spioraid Naomh. Agus ann sa ’n Trionaid so cha ’n eil aon roimh, no an deigh a cheile; cha ’n eil aon na ’s mo, no na ’s lugha na cheile. Ach ata na tri Pearsanta gu h-uile co-shiorruidh le chèile agus co-ionnan. Mar sin ann ’s gach uile nithe mar a dubhradh roimhe; is coir adhradh thoirt do Aonachd ann Trionaid, agus do ’n Trionaid ann Aonachd. Uime sin an ti leis am bàil bhi ar shabhladh: feumaidh è smuainteach mar so air an Trionaid. Os bar tha è feumail chum slainte shiorruidh: gu’n creideadh è gu ceart mar an ceudna gu ’n do ghabh ar Tighearn’ Josa Criosd feoil dhaoine air fein. Oir is ì a chreideamh cheart, sinne a chreidsin agus a dh’ [TD 23] aid ’eacha’: gu bheil ar Tighearn’ Josa Criosd, Mhac Dhe, na Dhia agus na dhuine; Dia do † natar an Athar, geinte roimh na saoghaìl: agus duine do natar a Mhathar, a rugadh ann san t-saoghal; Dia iomlan, agus duin’ iomlan; air a dheanamh suas do anam reusanta, agus do’ fheoil dhaoine; Co-ionnan ris an Athair a thaobh a dhia-achd; ach na ’s isle na ’n t-Athair, a thaobh a dhaonachd. An Ti ge do tha è na Dhia agus na dhuine; gidheadh cha da Chriosd è ach a h-aon. Na aon; cha’ n ann le tiontadh na Dia-achd gu feoil, ach le gabhail na daonachd an ann Dia; Na aon gu h-uìle; cha ’n ann le coimeasgadh an natar; ach le aonachd a phearsa. Oir mar ata an t anam rèusanta agus choluin an fheol nan aoin duine; mar sin tha Dia agus duine na ’n aon Chriosd. Neach a dh-fhuiling air son ar slainte; a chuaidh sios do dh-ifroinn, a dh-eirich aris an treas la ’o na mairbh. Chuaidh è suas air neamh, ata se na shuidhe air deas lamh an Athar, Dia uile chumhachdaich: as sin thig è thoirt breith air bheothaibh agus air mharbhaibh. Air teachd dha, eirigh na h-uile dhaoine rìs le ’n cuirp; agus bheir iad cunntas air son an gniomhara. Agus iadsan a rinn maith, theid iad gu beatha shiorruidh; agus iadsan a rinn olc, gu teine bithbhuan. ’S i so a Chreideamh Choitcheann; mur creid duinne à gu diongalta, cha ’n fhèudar a shàbhaladh. Gloir do ’n Athair, agus do ’n Mhac, agus do ’n Spiorad Naomh; Mar bha ’n tus, ata a nis, agus a bhitheas gu brath; Saoghal gun chrich. Amen. † Bhrigh. [TD 24] AN LIODAIN ¶ Ann so a leannas an LIODAIN no guidhe choitchin, re sheinn no re a radh an deigh na h-urnuigh mhaidne, air na Domhnachaibh, na Diceudanaibh, agus na Diahaoinibh, agns air amaibh eile, nuair a dh’orduichear e leis an fhear teagaisg. O DHE an t-Athair neimh, dean tròcair oirn peacaich thruagh. O Dhe an t Athair neimh, dean tròcair oirn peacaich thruagh. O Dhe a’ Mac, Fear-Saoruidh an domhain; dean tròcair oirn peacaich thruagh. O Dhe a’ Mac, Fear-saoruidh an domhuin; dean trócair oirn peacaich thruagh. O Dhe an Spiorad Naomh, a’ teachd ’o ’n Athair, agus ’o ’n Mhac; dean tròcair oirn peacaich thruagh. O Dhe an Spiorad Naomh, a’ teachd ’o ’n Athair, agus ’o’n Mhac; dean tròcair oirn peacaich thruagh. O Thrionaid naomh, beannuichte agus ghlormhor, tri pearsa, agus aon Dia; dean trocair oirn peacaich thruagh. O Thrionaid naomh, beannuichte agus ghlormhor, tri pearsa, agus aon Dia: dean trócair oirn peacaich thruagh. A Thighearna, na cuimhnich ar ciontaidh, no cionntaidh ar Sinnsearachd, agus na dean dioghaltas oirn air son ar peacaidh; caomhain sinn, a Thighearna mhaith, caomhain do phobull a shaor ù le d’ fhuil ro phrìseil, agus na bi feargach ruinn gu brath. Caomhain sinn, a Thighearna mhaith. O gach uile olc agus urchaid, ’o pheaca, ’o chealgaireachd agus o ionnsuidhibh an diabhail, o t’ fheirg fein, agus dhamnadh siorruidh. Saor sinn, a Thighearna mhaith. O gach doille cridhe; ’o ardan, gloir dhiamhain, agus ’o fhuar-chràbhadh; ’o fharmad, fuath agus mi-run, agus gach uile neo-charthanachd. Saor sinn, a Thighearna mhaith. O Striopachas, agus ’o gach uile pheaca basmhor eile; agus ’o uile chealgoireachd an t-saoghail, na feola agus an diabhail. Saor sinn, a Thighearna mhaith. O thein-aidheir agus ’o stoirm; ’o phlàigh, ’o mhilleadh, agus [TD 25] o ghort; o chath agus o mhorta, agus o has obann. Saor sinn, a Thighearna mhaith. O gach uile aimhreite, conspaid uaigneach, agus ceannairc; o gach uile theagasg mealtach, o Eiriceachd agus easaonachd; o chruas cridhe, agus o dhi-mheas air t-fhocal agus air t-aitheantaibh. Saor sinn, a Thighearna mhaith. Trid run-diamhair t fheoil-ghabhail naomh; trid do bhreath naomh agus Tiomchiol ghearreadh; trid do bhaisteadh, do throsgadh, agus do bhuaireadh. Saor sinn, a Thighearna mhaith. Trid do chràdh agus t-fhallas fola; Trid do cheusa agus t-fhulanais; trid do bhàs mòrluach agus t’adhlacadh: le t’eis-eiridh glormhor agus do dhol suas gu neamh; agus tri teachd an Spioraid Naoimh. Saor sinn, a Thighearna mhaith. Ann an uile àm ar trioblaid; ann uile àm ar saibhreis; ann n uair a bhàis, agus ann an la breitheamhnais. Saor sinn, a Thighearna mhaith. Tha sinne peacairean a’ guidhe gu ’n eisteadh tu rinn, O Thighearna Dhe, agus gu ma toil leat t-eaglais naomh choitchionn a riaghladh, agus a stiuraidh san t-slighe cheart. Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat do sheirbhéiseach DEORSA ar Righ agus ar n uachdaran ro ghràsail, a choimhid agus a neartachdh ann a’ t-fhior adhradh fein, an fireantachd agus ann naomhachd beatha; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat a chroidhe a riàghladh, ann do chreideamh, t eagal agus a d’ ghradh fein, chum ’s gu ’m biodh a dhòchas do gna ann ad, agus gu ’m biodh è do shior aig iarruidh t-onair agus do ghlòir; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. GU ma toil leat a bhi a’ t-fhear dion agus a’ t-fhear coimhid aige, a’ tabhairt buaidh dha air a naimhdibh uile; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat ar Ban-righ ghràsail SHARLOT, DEORSA, Prions’ urmach UALS, agus an teaghlach rioghail gu h-iomlan a bheannachadh agus a ghleidheach; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat gach uil’ Easbuig, mhinisteiribh, agus Dheaconaibh do shoilseacha, le fior eolas agus tuigse air t-fhocal, chum gu ’n cuir ìad an geil agus gu ’n taisbein iad è reir sin, eadhon le ’n searmonachadh agus le ’n caith-beatha; [TD 26] Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat a Thighearnan na comhairle, agus Uaislin na righeachd uile, a Lionadh le gràs, gliocas, agus tuigse; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat na h-uachdrain a ghleidheadh agus a bheannachadh, a tabhairt gràs doibh chum ceartas a chuir an gniomh, agus an fhìrinn do sheasamh, Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat do phobul uile bheannacha’ agus a ghleidheadh; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat aonachd, sith agus reite, thoirt do na h-uile chinnich; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat cridhe thoirt dhuinn chum gràdh thoirt dhuit agus t-eagal a bhi oirn, agus ar beatha chaitheadh gu dùrachdach a reir t-àitheantaibh; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat meadacha’ gráis thoirt do d’ phobul uile, chum t-fhocal eisdeachd gu h-umhla, agus a ghabhail le h-aigne fior-ghlan, agus chum toradh an Spioraid a thoirt amach; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat an dream a chuaidh air seacharan agus ata air a mealladh thoirt gu slighe na firinn; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna. Gu ma toil leat an dream ata na ’n seasamh a neartuchadh, comhfhurtachd agus comhna’thoirt dhoibhsin ata lag chridheach, gu ’n togadh tu suas dream a thuiteas, agus fadheoidh gu ’m buaileadh tu Satan fios so ar casaibh; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat cabhair, comhna, agus comhfhurtachd thoirt do gach neach ata ’n cunnart, ann feum, agus ann cruaidh chàs: Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat gach neach ata air astar mara no tìre, gach bean re saothair, gach neach ata easlaint agus gach maoth-chlann a ghleidhéadh, agus gu ’n nochda tu iochd do gach priosanach agus tràil; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat dion agus gach sollar feumail a dheanamh air son nan dileachdan agus nam baintreach, agus gach neach ata air an treigeadh, agus fo fhoirneart; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat tròcair a dheanamh air na h uile dhaoine; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. [TD 27] Gu ma toil leat maitheanas thoirt d’ar naimhdibh, d’ar luchd geur leanmhuin, agus d’ ar luchd sgainnil, agus gu’n tiontadh tu ’n cridheachan; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat toradh caoi’neal an talmhain a thoirt air aghaidh agus a ghleidheadh gu ar feum, chum a ’s gu meall sinn iad ann am iomchuidh; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. Gu ma toil leat fior athreachas a thabhairt dhuinn, gu matha tuar n-uile pheacaidh, ar dearmaid dleasdanais agus ar ain-eolais agus gu ’n tugadh tu dhuinn grás do naoimh spioraid, chum ar beatha leasacha’ rèir t-fhocaìl naoimh; Guidhemid ort eisd ruinn, a Thighearna mhaith. A Mhic Dhe; guidhemid ort eisd ruinn. A Mhic Dhe; guidhemid ort eisd ruinn. O Uan Dhe; a bheir air falbh peacaidh an Domhain; Tabhair dhuinn do shiochaidh. O Uan Dhe: a bheir air falbh peacaidh an domhain; Dean tròcair oirn. O a Chriosd eisd ruinn. O a Chriosd, eisd ruinn. A Thighearna, dean tròcair oirn. A Thighearna. dean trócair oirn. A Chriosd, dean tròcair oirn. A Chriosd, dean trocair oirn. A Thighearna dean tròcair oirn. A Thighearna, dean trócair oirn. An sin a deir a Ministeir, agus an sluagh mar aon ris urnuigh an Tighearna. AR n-Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith duinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. Min. O Thighearna, na buin rinn a reir ar peacaidh. Freag. Agus na tabhair luigheachd dhuinn a reir ar n-aingeachd. ¶ Deanamaid urnuigh. O DHE, Athair throcaireach, nach dean tair air osnaich a chridhe bhruite, na air mian an dream a bhios fa bhron; cuidich gu trocaireach ar n urnuighean tha sin a deanamh a’ [TD 28] d’ làthair n’ ar n’ uile thrioblaidibh agus chruaidh-chais, cuin air bith bhios iad trom oirn; agus eisd gu gràs’ail ruinn, chum ’s gu ’m biodh gach olc ata mealltoireachd agus cealgoireachd an droch spiorad na dhroch dhaoine aig oibreacha’ ’n ar n’ aghaidh, air an toirt gu neimh-ni, agus gu ’m biodh iad air an sgaoileadh le freasdal do mhaitheis, chum air bhi dhuine do sheirbheisich saor o’ gach geur leanmhuin, gu ’n tugamaid do ghna buidheachas duit ann a t-eaglais naomh, trid Josa Criosd ar Tighearna. O Tighearna eirich, cuidich sinn, agus saor sinn air sga t-ainm. O DHE, chuala sinn le ’r cluasaibh, agus dh-innis ar n-aithrichin dhuinn na h-oibre oirdhearc a rinn thu re ’n linn-sin, agus ann san t sean aimsir a bha rompa. O Thighearna, eirich, cuidich sinn, agus saor sinn, air sgà t-onair. Gloir do’n Athair, agus do n Mhac; agus do’n Spiorad naomh. Freag. Mar bha air thus, ata a nis, agus a bhitheas gu siorruidh Saoghal gun chrìch. Amen. O Chriosd dion sinn o’ ar naimhdibh. Amhairc gu grás’ail air ar trioblaid. Seall gu truacanta air bròn ar cridheacha’. Maith gu trocaireath peacaidh do phobuil. Gu caomh le tròcair eisd ar n urnuigh. O Mhic Dhaibhi, dean trocair oirn. O Chriosd, aontuich eisdeachd ruinn anois agus gu brath. O Chriosd, eisd ruinn gu grásail; O Thighearna Chriosd, eisd ruinn gu gràs’ail. Sag. O Thighearna, biodh do thròcair air a nochda dhuinn. Freag. Mar tha sinn a’ cur ar dochas ann-ad. ¶ Deanamaid urnuigh. O ATHAIR, guidhemid ort gu h-umhla, gu ’n-amhaircadh tu gu tròcaireach air ar n an ’aineachdaibh; agus air son glòir t-ainm, pill uain na h-uilc sin uile a thoill sinn gu ro cheart; agus deonuich ann ar n-uile thrioblaidibh gu ’n cur sinn ar n earbsa agus ar muinghinn gu h-iomlan ann do throcair; agus gu ’n dean sinn gu brath seirbheis dhuit ann naomh- [TD 29] hachd agus am fior-ghloinne caithe beatha, chum t-onair agus do ghloir, trid ar n’ aon eidir-mheadhonf ’hear agus ar Fear-tagraidh, Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Urnuig h Naoimh Chrisostom. A DHE uile chumhachdaich, a thug gras dhuinn air ân am so ar n achanaich choitcheann a dheanamh riutsa le aon intinn, agus ata gealltuin, an tra chruinnicheas dithis no triuir ann a cheile ann a d’ ainm, gu ’n deonuicheadh tu an guidhe; coi’lion anois O Thighearna, mianna agus iartuis do sheirbheiseach, mar is ro iomchuidh dhoibh; á tabhairt dhuinn ann san t-saoghal so eolas air t-fhirinn, agus ann sa ’n t-saoghal ata re teachd a bheatha mhairtheanach. Amen. 2 Cor. xiii, 14. GRas ar Tighearna Josa Criosd, agus Grádh Dhe, agus co-chomunn an Spioraid Naoimh, gu raibh maille ruinn uile gu Siorruidh. Amen. Ann so chriochnuicheas an Liodan feadh na bliadhna. [TD 30] Urnuighean agus breith-buidheachais air son iomad am, re ’n gnathacha’ roimh na da Urnuigh dheirein neach an LIODAN, no na h-urnuigh mhaidne agus fheascair. URNUIGHEAN. ¶ Aig iarruidh Uisge. O DHE, Athair neamhuidh, a gheall trid do Mhac Josa Criosd do ’n dream sin uile dhiarras do rioghachd agus a fireantachd, gach ni feumail a chumail suas an cuirp; guidhemid ort, cur da ’r n-iunsaidh air an am so ar feumadh, a leithid a dh’ uisge agus a fhrasaibh ciunna, a ’s gu ’m faighemid toradh an talmhuin chum ar comh fhurtachd agus t-onair fein, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Aig iarruidh aimsir thirim. O THIGHEARNA, Dhe uile chumhachdaich, a bhàth an saoghal uile aon uair air son peac an dhuine, ach ochd pearsa amhain, agus a’n deigh sin a gheall ann do mhor throcair nach sgriosa’ tu è mar sin gu brath tuille; guidhemid ort gu h-umla, ge do thoill sinne gu ceart air son ar n-aingeachd plaigh fhrasan agus uisgeachan, gidheadh air dhiuinn fior aithreachas do dheanamh, gu ’n cuireadh tu leithid a dh-aimsir oirn, a’s gu ’m fuighimid toradh an talmhuinn na àm fein, a ’s gu ’n foghluim sinn le d’ pheanas ar beatha a leasacha’, agus moladh agus gloir thòirt dhuit air son do chaomhalachd chaoineal, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Ann aimsir daorsa agus gorta.. O DHE, Athair neamhaidh, ’s an do d gheanmhaith ata na frasan a’ tuitim, an talamh tarbhach, fàs àir feadail, agus iasg a’ dol an lionmhoireachd; tha sin a’ guidhe ort, amhairc air amh gharaibh do phobuil, agus deonuich trid do mhaitheas gu ’m bi ghaoinne agus an daorsa (ata sin san am so fulang gu ceart air son ar n-aigneachd) gu trocaireach air an [TD 31] tiontadh gu saorsa agus gu pailteas, air son gràdh Josa Criosd ar Tighearna: agus dhà-san maille riut-sa agus ris an Spiorad naomh gu rabh gach uile glòir nois agus gu siorruidh. Amen. ¶ No air an doigh so. O DHE, Athair thròcaireach, a thiontadh gu h-eallamh gainne mhòr agus gort gu pailteas agus saorsa ann Samarìa re lìn an fhàidh Elisea: dean tròcair oirn; chum ’s gu ’m faigheadh sinne, ata nois air ar smachdachadh air son ar peacaidh le ’n saimhladh sin do thrioblaid dh-àmghar, fuasgladh ann àm iomchuidh mar an ceudna; Meaduich toradh an talmhuin le d’ bheannucha’ neamhaidh; agus deonuich air dhuinne do mhor phailteas a ghabhail, gu ’n gnathaich sinn è chum do gloir, chum fuasgladh na dream ata feumach, agus chum ar comhfhurtachd fein, trid Josa Criosd. Amen. ¶ An àm cogaidh agus tuasaid. O DHE, uile chumhachdaich, Righ nan Righ, agus fear riaghlaidh na-uile nithe, cha n-urra creutair air bith cuir an aghaidh do chumhachd, da ’m buin gu ceart peacaich a smachdach, agus a bhi trocaireach do ’n dream a ni fior aithreachas; guidhemid ort gu humhla, sabhail agus saor sinn as lamha ar naimhdin; claoidh an àrdan, lughduìch a’ mio-ruin, agus cuir an innleachdan bun-oscionn, chum air bhidh dhuinne armaichte le d’ dhidneadh, gu ’m bithemid gu brath air ar gleidheidh ’o gach uile chunnart, chum gloir do thabhairt dhuitse aon fhear-tabhairt gach uile bhuaidh, tre toilltineas t-aon Mhic Josa Criosd an Tighearna. Amen. ¶ Ann aimsir plàigh no tinneas choitchionn air bith. O DHE uile chumhachdaich, a chuir ann a d’ fheirg plaigh air do phobul fein san fhasach, air son an ard-cheannairc ’n aghaibh Mhaois agus Aroin, agus mar an ceudna do mharbh deich mile agus tri fichiod le plaigh re lìn Righ Daibhi, ach gidheadh a shabhail a chuid eile air cuimhneacha’ do throcair dhuit; gabh truas dhinne peacaich bhochd, ata nois air ar fiosrachadh le tinneas mor agus le basmhorachd,; ionnas mar a ghabh tu air an am sin ofrail reitich, agus mar thug ù aithne do ’n Aingeal mhillteach sgur ’o sgrios; mar sin a’ nois gu ma toil leat a phlaigh agus an tinneas graineil so a thionta’ uain, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 32] ¶ Ann seachdainibh an lua’threadh, re radh gach la, air son an dream ata re gabhail ann Orduinibh naomh. A DHE uile chumhachdaich ar n’ Athair neamhuidh, a cheannuich dhuit fein eaglais choitchionn le fuil mhor-luach do Mhic ghradhaich; seall gu trocaireach air an eaglais so, agus air an am so stiur agus riaghluich inntin-ne do sheirbheisich, na h-easbuigean agus buachaillin do thrèud, chum nach leagadh iad an lamhan gu hobann air duin’ air bith, ach gu ’ndeana iad gu firineach agus gu glic roghain do dhaoin iomchuidh gu seirbheis a dheanamh a’ ministrealchd naomh t-eag fein. Agus tabhair do gras agus do bheannacha’ neamhadh, do ’n dream a bhios air an orducha’ gu dreachd oisig naomh air bith; chum araon le ’n beatha agus le ’n teagasg gu ’n taisbeneadh iad do ghloir, agus gun cuireadh iad air aghaidh slainte na n-uile dhaoine, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ No so. A DHE, uile chumhachdaich, fhir tabhairt gach uile dheagh-thiolaca, do d’ fhreasdal a dh’ orduich iomad ordugh ann a t-Eaglais; tha sinn gu h-umhla a’ guidhe ort, tabhair do ghras dhoibh-sin uile ata gu ’n gairm a chum oifig air bith no dreachd inn-te: agus lion iad le firin do theagaisg, agus sgeudaich iad le neo-chiontach beatha, chum gu’n deanadh iad seirbheis fhìrineach ann a’ d’ lathair-se, gu gloir do mhor-ainm agus ‡ proghaid t-eaglais naomh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Urnuigh air son àrd chùirt na § Parliament, gu leughadh an t-àm a bhios iad na ’n Suidhe. A DHE, ro ghràs’ail, tha sinn gu h-umhla a guidhe ort, mar air son na righeachd so gu leir, mar sin gu h-àraid air son àrd chuirt a Pharliament, ata sa n-ám so air cruinneacha’ ’n ceann a cheile fo ar Riogh ro chrabhach agus ro gràs’ail: gu ma toil leat an comhairlean uile a stiuradh agus a shoirbheacha’ chum do gloir a chuir air aghaidh, chum maith t-eaglais, chum sabhailteachd, onair agus, soirbheacha ar n-ard-uachdarain agus a rioghachdan; chum gu bi gach nì air orducha’ agus air a shocracha’ le ’n dichioll, air an steigh is fearr agus is diongmhalta, chum gu ’m bi sith agus sonnas, fìrin agus ceartas, creideamh agus crabhadh air an daing- ‡ tairbh. § Mordhail. [TD 33] neacha’ ’n ar measg feadh gach uile ghinealach. Na nithe so agus gach nì fèumail eile air an son-sa, air ar soin-ne, agus air son t-eaglais gu iomlan, tha sinn gu h-umhla a’ guidhe ort ann ainm agus ann eidir-ghuidhe Josa Criosd ar Tighearna agus ar Slanui’fhear ro bheannuichte. Amen. ¶ Urnuigh air son gach staid dhaoine, ri ghnathacha’ air na h-àmaibh nach d’ orduicheadh an Liodan a’ radh. O DHE, Cruith-fhearagus fear coimhid a chinne daoin’ uile, guidhemid ort gu h-umhla air son gach seors agus gach staid dhaoine, gu ma toil leat eolas do shlighe fein thoirt dhoibh; agus do shlainte fhallain do na h-uile chinnich. Gu ro araid tha sinn a’ guidhe air son deagh staid na h-eaglais choitchionn; chum gu ’m bi ì air a stiuradh agus air a riaghladh le do Spiorad maith, a ’s gu ’m biodh gach neach a dh’ aid’icheas agus a ghairmeas criosduighean dhiubh fein, air an treorachadh ann slighe na fìrinn, agus gu ’n gleidheadh iad a chreideamh ann aonachd Spioraid, ann ceangal na sith, agus am fìreantachd beatha Fadheoidh tha sinn a cur air do chùram athrail, iadsan uile ata air doigh air bith air an trioblaideacha’ no air am buaireadh ann inntin, ann corp, no ann maoin, (‡ gu h-àraid an dream ata ’g iarruidh ar n-urnuigh) gu ma toil leat comhfhurtachd agus fuasgladh thoirt dhoibh a reir an uireasbhuidh fa leath, a tabhairt foighdin doibh fo ’n fulan’asaibh, agus fuasgladh sonna as an uile amhgaraibh. Agus so uile tha sinn a’ guidhe air sga Josa Criosd, ar Tighearna. Amen. ¶ Urnuigh dh-fhèudar a radh an deigh aon air bith do na h-urrnuighean a chuaidh seachad. O DHE, aig a bheil é mar nàtar agus mar bhuaigh bhi do ghna trocaircach agus a tabhairt maitheanais; gabh ar ’n achanuich iriosal; agus ge do tha sinn air ar ceangal agus air ar cuibhreachadh le slabhruidh ar peacaidh, gidheadh deanadh truacantadh do mhòr thròcair ar fuasgladh air son onair Josa Criosd ar ’n eidir mheadhonair agus ar fear-tagraidh. Amen. ‡ Deirear so nuair a dh’ iarras neach air bith urnuigh a chomhthional. [TD 34] BREITH-BHUIDHEACHAIS. ¶ Breith-buidheachais chumanta. A DHE uile chumhachdaich, Athair na n-uile thròcaire, tha sinne do sheirbheisich neo-luachmor a toirt buidheachas umhla agus o’ an chridhe dhuit air son t-uile mhaitheas agus do chaoìmhneis gràidh dhuin-ne agus do na h-uile dhaoine [‡ gu hàraid do’n dream sin ata san àm so aig iarruidh a’ moladh agus am buidheachas thairgse suas duit air son do thròcair a bhuilich thu orra ’o chionn ghaoirid] tha sinn a toirt buidheachais duit air son ar cruthacha, air son ar gleidheadh, agus air son uile bheannuchadh na beatha so, ach os cionn gach nì air son do ghràidh gun choimeas ann saorsadh an t-saoghail le ’r Tighearn’ Josa Criosd; air son meadhona na ’n gràs, agus dòchas na glòir. Agus tha sinn a’ guidhe ort tabhair dhuinn’ a’ mothacha’ ceart sin air t-uile thròcairibh, chum gu ’m bi ar cridheachan do rìreabh taingeil, agus gu ’n taisbein sin a mach do chliu, cha n’ è ’mhain le ’r bilibh, ach n-ar caithe beatha, le sinn fein thoirt suas do d’ sheirbheis, agus le siubhal ann a’ d’ lathair ann naomhachd agus am fìreantachd re n-uile laeth, trid Josa Criosd ar Tighearna; dhà-san maille riutsa agus ris an Spiorad naomh gu rabh gach uile ghlòir, saoghal gun chrìch. Amen. ¶ Air son uisge. O DHE, ar n-Athair neamhuidh, tha le d’ fhreasdal gràsail a toirt air na cèud frasaibh deireanach teachd a nuas air an talamh, chum gu’n tugadh è torradh amach gu fèum an duine, tha sinn a toirt buidheachas gu h-umhla dhuit gu ’n do dheonaich thu ann ar mòr fhèum driuchd aoibhin a chuir fa dheoigh air t-oighreachd fein, agus a h-urachadh nuair a bha ì tirim, gu mòr shòlas a thoirt dhuinne do sheirbheisich neo-airidh, agus a chum gloir t-ainm naomha, trid do thròcair ann Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ‡ A deireir so uuair a dh’iarras duin’ air bith air son an d’rinneadh urnuigh, buidheachas a thoirt seachad [TD 35] ¶ Air son tìreamachd. O THIGHEARNA DHE, a dh’ irislich sinn gu ceart le do phlaigh mhòir fhrasa agus thuile uisgeachaibh a chuir thu oirn a chionn ghairrid. agus ann do thròcair a thug fuasgladh agus furtachd d’ ar n-anamaibh leis a chaochladh thìmeil bheannuichte so a rinn ù air an aimsir ann àm ar feum, tha sinne moladh agus toirt glòir do t-ainm naomh air son do thròcair, agus do ghna cuiridh sin an geil do chaoi’-neas graidh o ghinealach gu ginelach trid Josa Criosd ar Tigh-earna. Amen. ¶ Air son pailteas. O ATHAIR a ’s mo tròcair, a dheisd do d’ mhaitheas gràs’ail urnuighcan cràbhach t-eaglais, agus a thiontadh ar gort agus ar gainne gu saorsa agus pailteas; bheirimid buidheachas umhla dhuit air son do thiolacadh sonnruichte, a’ guidhemid ort gu’m buanuichte dhuinn do chaoi’neas graidh, chum gu ’n tabhair ar talamh dhuinn toradh a chum do glòir agus ar solais-ne, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Air son siothchaint agus saoradh o ’r naimhdibh. O DHE, uile chumhachdaich, ata a’ d’ chaisteal laidir daingnich do d’ sheirbheisich an aghaidh gnuis a’ naimhdean; bheir sinn dhuit moladh agus buidheachas, air son ar saooradh o na cunnartaibh mòra agus follasach sin leis an raibh sinn air ar cuartuchadh. Tha sinn aig aid’eachadh gur h-ann do d’ mhaitheas nach raibh sinn air ar tabhairtthairis dhoibh mar chobhartach; guidhemid ort do gna do thròcairean a bhuanachadh dhuinn air an doigh so, chum gu ’m bi fios aig an t-saoghal gur tu ar Slanui’fhear agus ar Fear saoruidh chumhachdach, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Air son sioth-chaint fhollasach aiseag air ais s-ann tìr. O DHE shiorruidh ar n-Athair neamhuidh, do ni amhain daoine a dh’ aon-inntin ann an teaghlach, agus a chaisgeas cuthach dhaoine borb agus mhi riaghailtich: beannuichemid t-ainm naomh, gu ’n dheonuich thu na tuasaide feargach a thogadh suas n-ar measg o chionn ghairrid, a chasgadh; agns gnidh- [TD 36] emid ort gu ro umhla gu ’n deonuicheadh tu gràs dhuinn uile, chum gu ’n siubhalamaid o so suas gu h-umhladh ann a’ d’ aitheantaibh naomh, agus air caitheamh dhuinn ar beatha gu ciuin agus gu siothchainteach ann sgach uile dhiaghachd agus chneastachd, gu ’n deanamaid ar n-iobairt cliù agus bhuidheachais a thoirt dhuit air sonmeud do thròcairean dhuinne, trid Josa Criosd air Tighearna. Amen. ¶ Air son saoradh o ’n phlaigh no o thinneas cumant’ eile. O THIGHEARNA DHIA a lot sinn air son ar peacaidh agus a sgrios sinn air son ar ciontaibh le d’ fhiosrachadh trom agus uabhasach o chionn ghairid, agus a nois ann a’ meadhon breitheamhnais, air cuimhneachadh do thròcair dhuit, shaor thu ar n-anamaibh o dhorsaibh a bhàis; tha siun a toirt do d’ mhaitheas àthaireil, sinn fein ar n-anama agus ar cuirp, do shaor ù chum am bi nam beo-iobairt dhuit fein, do ghna a moladh agus aig arduchadh do throcairean ann a’ meadhon t-eaglais, trid Josa Criosd air Tighearna. Amen. ¶ No so. O ATHAIR ro thròcaireach tha sinn aig aid’eachadh gu h-umhla ann do lathair, gu’n do thoill ar ciontaidh lìonmhor agus ar cruas croidhe gu ’n d’ thigeadh na h-uile pheanais ata air am bagradh ann a’ d’ lagh oirn-ne gu ceart. Gidheadh do bhri gur b’ i do thoil do d’ thròcair chaomh, agus air son ar n-umhlaidh lag agus neo-dhiongalta, an tinneas gabhaltach leis an raibh sinn air ar cràdh gu goirt o chionn ghairrid a chasgadh, agus guth an aoibhneis agus na slainte aiseag d’ ar n-àitibh comhnuidh: bheir sinn do d’ mhorachd dhiaghaidh ìabairt mholaidh agus bhuidheachais, a’ cliuchadh agus aig àrduchadh t-ainmgloirmhor air son do chùram agus do fhreasdail os air cionn-ne, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 37] Na h-Urnuighean, Litriche, agus Soisgeil, ri ghnathacadh feadh na bliadhna. ¶ Thoir fainear, gu ’m bi ’n urnuigh orduichte air son gach domhnach, no la naomh air bith, aig am bheil bhigil air, ag radh aig an t-seirbheis fheascair a ’s faisgse dha roimhe. An Ceud Domhnach do ’n Aidmheint. An Urnuigh. A DHE uile chumhachdaich, tabhair dhuinn gràs chum oibre an dorachadais a thilgeadh uainn, agus cuir oirn, armachd an t-soluis, anois ann àm na beatha bhàsmhor so (ann d’ thainig do mhac Josa Criosd d’ ar fiosrachadh ann irisleachd mhòr;) chum ann san’ la dheirionach, ’nuair thig è ’ris ’n ’a Mhòrachd ghlòrmhor, a thoirt breith air bheothaibh agus air mharbhaibh, gu ’n eirich sinn a dh’ ionnsuidh na beatha neo-bhàsmhor, trid-san ata beo agus a riaghlas maille riutsa agus ris an Spiorad naomh, nois agus gu brath. Amen. ¶ Tha ’n urnuigh so ri radh gach la maille ris na h urnuighean eile s ànn aidmheint, gu oidhche nodhlaic. An Litir. Rom. xiii. 8. NA biodh fiacha sam bith aig aon neach oirbh, ach amhàin sibh a gràdhachadh a chèile: oir an ti aig am bheil gràdh do neach eile, choi’-lion sè an lagh. Oir an ni so, Na dean morta, Na dean fia’nais bhrèige, Na sanntaich, agus ma ’ta àithne sam bith eile ann, ata si air a cur sios gu h ath-ghaoraid fuidh ’n fhocal so, eadhon, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fein. Cha dean gràdh lochd d’a choimhearsnach: air an àdhbhar sin s è an gràdh coi’-lionadh an lagha. Agus so, air dhuibh fios na h aimsir’ a bhi agaibh, gur mithich dhulnn a noise mosgladh o chodal: oir ata ar slainte ’noise ni ’s foigse na ’n uair a chreid sinn. Tha cuid mhòr do’n oidhche air dol tharuinn, tha an là [TD 38] am fogus: uime sin cuireamaid dhinn oibre an dorchadais, agus cuireamid umainn armachd an t soluis. Gluaiseamaid gu cubhaidh mar ann san là; ni h ann an ruidhteireachd agus am meisg, no ann seomradoireachd agus am macnus, no ann coi’stribh agus am farmad. Ach cuiribh umaibh an Tighearna Josa Criosd, agus na deanaibh ullamhachadh air son na feòla, chum a h ain-mhianna a choi’lionadh. An Soisgeul. Mhatth. xxi. i. AGUS an uair a dhruid iad re Hierusalem, agus a thainig iad gu Betphage, gu sliabh nan oluidh’, ann sin chuir losa dias d’a dheisciobluibh uaithe. Ag radh riu, Rachaibh do’n bhaile ata thall fa’r comhair, agus air ball gheibh sibh asal ceangailt’ ann, agus loth’ ’n a fochair: fuasglaibh, agus thugaibh a’m’ionnsuidhs’ iad. Agus ma labhras aon duine ni air bith ribh, abraibh, Gu bheil feum aig an Tighearna orra; agus cuiridh se uaithe air ball iad. Rinneadh na nithe so uile, chum gu ’n coimh-lionadh ann ni a dubhradh leis an fhàidh, ag radh, innsibh do inghin Shìon, Fèuch, ata do Righ ag teachd a’d’ ionnsuidh, gu ciuin, is è ’n a shuidhe air muin asail, agus air searrach mac na h asail. Agus dh’imich na deisciobuil, agus rinn siad mar a dh’àithin Josa dhoibh. Agus thug iad an t asal agus an searrach leo, agus chuir iad eisean ’n a shuidh’ air a’ mhuin. Agus sgaoil mòr-shluagh an eadach air an t slighe; agus ghearr droing eile geuga do chrannaibh, agus leag iad air an t slighe iad. Agus thog an sluagh a bha roimhe agus ’n a dhiaigh gair ag radh, Hosanna do Mhac Dhaibhi: is beannuicht’ an Ti a thig ann ainm an Tighearna, hosanna ann sna h àrdaibh. Agus air dol dha-san a steach do Hierusalem, chrathadh am baile uile, ag radh, Co e so? Agus a dubhairt an sluagh, Is è so Josa am faidh o Nasaret na Galilee. Agus chuaidh Josa a steach do theampull De, agus thilg sè amach iadsan uile a bha reic’ agus a’ ceannach’ ann san teampull, agus thilg se buird luchd malairt an airgid thairis, agus caithriche luchd reiceadh nan colman. Agus a dubhairt sè riu, Ata è scriobht’, Goirthear tigh ùrnuigh do ’m theach-sa, ach rinn sibhse ’n a shlochd mheirleach è. [TD 39] An dara Domhnach do ’n Aidmheint. An Urnuigh. A THIGHEARNA bheannuichte, a thug fain’ear na scriobtuirean naomh uile do sgriobha a chum sinn-ne do theagasg; deonuich dhuinn an eisdeachd, an leubhadh, an toirt fai’near, am foghlam, agus an tasgaidh ’n ar n-inntin, chum tre fhoighidin agus comhfhurtachd t-fhocail naoimh, gu’n glac sinn, agus gu’n dean sinn gu brath greim daingean air dòchas beannuichte na beatha shiorruidh, a thug ù dhuinn ann ar slanui’fhear Josa Criosd. Amen. An Litir. Rom. xv. 2. OIR ge b’ iad nithe air bith a sgriobhadh roimhe so, is ann chum ar teagasg-ne do sgriobhadh iad; chum tre fhoighidin agus co’-fhurtachd nan sgriobtuire gu’m biodh dòchus againne. ’Noise gu tugadh Dia na foighidin agus a’ cho’-fhurtachd dhuibhse bhi dh’ aon inntin thaobh a cheile, a reir Josa Criosd: Chum gu ’m feud sihh a dh’ aon inntin agus le aon bheul glòir a thoirt do Dhia eadhon Athair ar Tighearna Josa Criosd. Uime sin gabhaibhse r’a chèile, eadhon mar a ghabh Criosd ruinne, chum glòir’ Dhe. ’Noise a deirim, Gu raibh Josa Criosd ’n a mhinisteir an timchiollghearraidh air son fìrinn De, chum geallaidh nan athracha a dhaingneachadh: Agus chum gu’n tugadh na Cinnich glòir do Dhia air son a thròcair; a reir mar ata è sgriobhta, Air anàdhbhor so aid’icheam thu a’ measg nan Cinntach, agus seinnidh mi ceòl do d’ainm. Agus a-ris a deir sè, Deanaibh gairdeachas, a Chinneacha, maille r’a phobull-san. Agus a-rìs, Molaibh an Tighearna, a Chinneacha uile, agus thugaibh cliu dha, a phoibleacha uile. Agus a-rìs deir Esaias, Bithidh freamh lesse ann, agus an ti a dh’ eir’eas suas chum uachdaranachd bhi aige air na Cinneachaibh, ann-san cuiridh na Cinnich an dòchas. An Soisgeul. Luc. xxi. 25. AGUS bithidh comharthaidh ann sa grèin, agus ann sa ghealaich, agus ann sna reultaibh; agus air an talamh teann-eigin nan cìnneach, tre iom-cheist, an cuan agus na tonna a beuchdaich; croidhe dhaoine ’g an trèigsin tre eagal, agus [TD 40] feithamh nan nithe sin a ’ta teachd air an domhan: oir bithidh cumhachda nan neamha air an crathadh. Agus ann sin chi siad Mac an duine a’ teachd ann an neul, le cumhachd agus mòr-ghlòir. Agus ’n uair a thòsaicheas: na nithe so air tachairt ann sin amhairicibh suas, agus togaibh bhur cinn; or ata bhur saorsa am fogus. Agus labhair è parabal rin, Amhaircibh air a’ chrannfhìge, agus na craobhan uile; ’nuar a bhios iad cheana ag cur amach an duilleich, air fhaicsin duibh, aithnichidh sibh uaibh fein, gu bheil an samhra’ ’nois’ am fogus. Agus mar an ceudna sibhse, ’n uair a chi sibh na nithe so a’ tachairt, biodh fhios agaibh gu bhuil rioghachd Dhe fogus do laimh. Gu deimhin a deirim ribh, nach d’ theid an linn so thair is gu an coi’lionar na nithe so uile. Theid neamh agus talamh thart’: ach cha d’ theid mo bhriathra sa thart’ a choidhch’. An treas Domhnach sann Aidhmeint. An Urnuigh. O Thighearn Josa Criosd, a chuir aig do chèud theachd do theachdaire a’ dh ullachadh do shlighe romhad; deonuich mar an ceudna do’ Mhinisteiribh agus luchd frithealaidh do rùn-diomhair do shlighe ulluchadh agus a dheasachadh, le croidheachan nan daoine eas-umhla do philltin gu gliocas nam fìreanach, chum a’ nuair a thig thù an dara uair do thoirt breith air an t-saoghal, gu’m fuighear sinn ’n-ar pobul taitneach ann do sheallasa, ata beo agus a’ riaghlachadh maille ris an Athair agus an Spioradh Naomh, aon Dia gu brath, Saoghal gun chrìch. Amen. An Litir. 1. Cor. iv. 1. BIODH a shamhuil so do mheas aig duine dhinne, mar mhinisteiribh Chriosd, agus mar stiubhardaibh rùna-diomhair Dhe. Tuilleadh eile iarrar ann stiubhardaibh, gu fuighear neach fìrinneach. Ach agamsa is ro-bheag an ni gu’n d’ thugadh breith orm libhse, no le breitheanas duine: seadh, ni bheil mi toirt breith orm fein. Oir cha ’n fhios damh ni sam bith do m’ thaobh fein, gidheadh ni bheil mi le so air m’ fhir- [TD 41] anachadh: Ach is è an Tighearna eisean a bheir breith orm. Uime sin na d’ thugaibh breith air ni sam bith roimh an àm, gus an d’ thig an Tighearna, neach faraon a bheir gu soilleireachd nithe folaichte an dorchadais, agus a dh’ fhoillsicheas comhairlean nan croidheacha: agus ann sin gheibh gach neach cliu o Dhia. An Soisgeul, Matth. xi. 2. ’NOISE an uair a chual’ Eoin sa phriosun gniomhartha Chriosd, chuir se dias d’a dheisciobluibh d’a ionnsuidh, Agus a dubhairt sè ris, An tusa an ti ud a bha re teachd, no am bi sùil againn re neach eile? Do fhreagair Iosa agus a dubhairt sè riu, Imthichibh agus innsibh do Eoin na nithe ata fibh ag cluinntin agus a’ faicfin: ataid na doill ag faghail an radhairc, agus na bacaich ag imtheachd, ataid na lobhair air an glanadh, agus na bothair ag cluinntin, ata na mairbh air an dùsgadh, agus an soisgeul air a shearmonach’ do na bochduibh. Agus is beannuicht’ an ti nach fuigh oilbheum ionnamsa. Agus air imtheachd dhoibhsin air falbh, thòsaich Iosa air labhairt ris an t sluagh mu thimchioll Eoin, ag radh, Creud è an ni a chuaidh sibh amach do’n fhàsach a dh’fhaicfin? an i cuilc air a crathadh le gaoith? Ach creud è an ni a chuaidh sibh amach d’a fhàsach a dh’fhaicsin? an è duine air a sgeuduchadh ann an eadach mìn? fèuch, a’ mhuintir ata caitheamh eadaich mhìn, is ann an tighibh righridh ata siad. Ach creud è an ni a chuaidh sibh amach d’a fhaicsin? An è faidh? seadh, deirim ribh, agus neach is mò na fàidh. Oir is è so an ti mu ’m bhuil è scriobht’, Feuch, cuirim-se mo theachdaire roimh do ghnuis, neach a dhu’llmhuicheas do shlighe romhad. An Ceathramh Domhnach, sann Aidmheint. An Urnuigh. O THIGHEARNA, (ata sinn a’ guidhe ort) tog suas do chumhachd agus thig n-ar measg-ne, agus le mòr neart dean cobhair oirn-ne; mar ata sinn le ’r peacaidh agus le ’r n- [TD 42] aingidheachd gu mòr air bacadh o ruith na rèise a chuireadh romhain, gu’n deanadh do ghràs caomh agus do thròcair fuasgladh agus comhnadh dhuinn gu luath; tre dhioladh do Mhic ar Tighearna; d’ an raibh maille riutsa agus ris an Spiorad naomh onair agus glòir, saoghal gun chrìch. Amen. An Litir. Philip. iv. 4. DEanaibh gàirdeachas san Tighearn’ a ghnà’: a-rìs deiream, Deanaibh gàirdeachas. Biodh bhur measarrachd follasach do na h uile dhaoinibh. Tha ’n Tighearna am fogus. Na biodh ro-chùram ni sam bith oirbh: ach san uile ni le h ùrnuigh agus athchuinge maille re breith-bhuidheachais, biodh bhur n iartais air an deanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh siothchaint Dhe, a ’ta thar gach uile thuigse, bhur croidhe agus bhur n inntin an Josa Criosd. An Soisgeul. Join, i. 19. AGus is i so fia’nais Join, ’n uair a chuir na h Judhaich sagairt agus Lebhitich o Hierusalem, chum gu’m feòraicheadh iad deth, Co thusa? Agus dh’ aidmhich eisean, agus cha d’àichsheun è; ach dh’ aidmhich è, Cha mhi Criosd. Agus dh’ fheòraich lad deth, Ciod ma feadh? An tu Elias? Agus a deir sè, Cha mhi. An tu am fàidh? Agus fhreagairè, Cha mhi. Ann fin a dubhairt siad ris, Co thu? chum gu ’n d’ thugamaid freagradh dhoibsin a chuir uatha sinn: creud a deir tu a d’ thimchioll fein? A dubhairt è, ’S mise guth an ti a ghlaodhas ann san fhàsach, Deanaibh dìreach slighe an Tighearna, mar a dubhairt am fàidh Esaias. Agus an dream a chuireadh leis an teachdhoireachd, b’ ann do na Phairisichibh iad. Agus dh’ fheòraich siad deth, agus a dubhairt siad ris, C’ar son ma seadh ata thu a’ baisteadh, mur tu Criosd, no Elias, no ’m fàidh? Fhreagair Eoin iad, ag radh, Ataimse baisteadh le h uisge: ach ata neach ’n a sheasamh ’n ar measg, nach aithne dhuibh; ’se è so an ti, ’ta teachd a’m’ dhiaigh, aig am bheil toiseach orm, neach nach fiu mise iall a bhròige fhuasgladh. Rinneadh na nithe so ann am Betabara aìr an taobh thall do Iordan, an t àit’ ann raibh Eoin a’ baisteadh. [TD 43] Breath ar TIGHEARNA, no la Breath CHRIOSD, d’an goirrear gu coitchean La NODHLAIC. An Urnuigh. A DHE uile chumhachdaich, a thug dhuinn-ne t aon ghin Mhic, a ’s gu’n gabhadh è ar natar-air fein, agus a bhi air a bhreath le Maighdin fhiorghloin mar gu’m b’ ann air an àm so; Deonuich air bhi dhuinn-ne air ar n-ath ghinnmhin, agus air ar deanamh n-ar cloinn dhuitse trid uchdmhacachd agus gràis, gu ’m bi sinn gach la air ar n-ath-nuadhuchadh le d’ Spiorad naomh, trid ar Tighearna an t-Josa Criosda ceudna sin, ata beo agus a’ riaghladh maille riutsa, agus ris an Spiorad naomh ceudna, aon Dia gu brath. Saoghal gun chrich. Amen. An Litir. Eabh. i. 1. DIA, a labhair ann sna h amaibh a chuaidh seachad gu minic, agus air iomadh modh ris na h aithreachaibh leis na fàidhibh, labhair sè ann sna laithibh deireannach so ruinne trìd a Mhac, a dh’òrduich è ’n a oighre air na huile nithibh, tre n do chruthaich sè fòs na saoghail. Neach air bhi dha ’n a dhealradh a ghlòire-sin, agus ’n a fhior iomhaigh a phearsaidh, agus a’ cumail suas nan uile nithe le focal a chumhachd, ’n uair a ghlan è ar peacaidh-ne do thrìd fein, shuidh è air deas laimh na morachd ann sna h àrdaibh: air dha bhi air a dheanamh ni ’s ro-òirdheirce na na h aingil, mhèud gu’n d’ fhuair è mar oighreachd ainm bu ro-fhearr na iadsan. Oir co do na aingil ris an dubhairt sè uair air bith, Is tu mo Mhac-sa, an diugh do ghin mi thu? agus a-rìs, Bithidh mise a m’ Athair dha san, agus bithidh eisean ’n a Mhac dhamh-sa. Agus a-rìs, ’n tra’ bheir è an ceud-ghin a steach do’n t saoghal, deir se, Agus deanadh uil’ aingil De àdhradh dha. Agus thaobh nan aingeal a deir è, Neach a ’ta deanamh aingle ’n an spioradaibh, agus a mhinisteiribh ’n an lasair theine. Ach ris a’ Mhac a deir sè, ’Ta do righ-chaithir, a Dhe, gu saoghal na saoghal; is slat-rioghail ro-cho’thromach slat do rioghachd-sa: Ghràdhaich thu fìreantachd, agus thug thu fuath do aingidheachd: uime sin dh’ung Dia, do [TD 44] Dhia-sa, thu le h oladh aoibhneis os ceann do chompanacha. Agus, Leag thusa, a Thighearna, bunaite na talmhain air tus; agus is iad na neamha oibre do lámh. Teirgidh iadsan, ach mairidh tusa: agus fasaidh iad uile sean mar eadach; Agus fillidh tu iad mar bhrat, agus caochlaidhear iad: ach is tusa an ti ceudna, agus cha ’n fhailnich do bhliadnaidh. An Soisgeul, Join, i. 1. ANN san toiseach bha am Focal, agus bha ’m Focal, maille re Dia, agus b’è ’m Focal Dia. Bha è so air tùs maille re Dia. Rinneadh gach ni leis; agus as eugmhais cha d’rinneadh aon ni a rinneadh. Ann-san bha beatha, agus b’ i a bheatha solus dhaoine. Agus ’ta ’n solus a’ soillseachadh ann dorchadas, agus cha do ghabh an dorchadas è. Chuireadh duine o Dhia, d’ am b’ ainm Join. Thainig eisean mar fhia’nais, chum fia’nais a thoirt air an t solus, chum gu’n creideadh na h uile dhaoine tridsin. Cha b’ eisean an solus sin, ach chuireadh è chum gu d’ thugadh è fia’nais air an t solus. B’è so an solus fìrinneach, a ’ta soillseachadh gach uile dhuine tha teachd chum an t saoghail. Bha è ann san t saoghal, agus rinneadh an saoghal leis, agus cha d’ aithnich an saoghal è. Thainig è dh’ ionnsuidh a mhuintir fein, agus cha do ghabh a dhaoine fein ris. Ach a mhèud ’s ghabh ris, thug se dhoibh cumhachd a bhi ’n an cloinn do Dhia, eadhon dhoibhsin ata creidsin ’n a ainm: A bha air an gineamhuin, cha ’n ann o fhuil, no o thoil na feòla, no o thoil duine, ach o Dhia. Agus rinneadh am Focal ’n a fheoil, agus ghabh se comhnuidh ’n ar measg-ne, (agus chunnairc sin a ghlòir mar ghlòir aoin-ghin Mhic an Athar) làn gràis agus fìrinn. La Naoimh STEPHEIN. An Urnuigh. O THIGHEARNA, deonuich ann ar n-uile fhullan’ais ann so air talamh, air son teisteas t-fìrinn-sa, gu ’n-amhairc sinn gu gèur suas gu neamh, agus gu’m beachduich sinn le creidimh air a ghlòir a bhios air a foillseachadh; agus air bi dhuinn lionta do’n Spiorad naomh, gu’m foghlam sinn ar luchd gèur-lean- [TD 45] mhuinn a ghràdhachadh agus a bheannuchadh, a reir eisimpleir do cheud Mhartain, Naomh Stèphein, a rinn Urnuigh riut-sa air son a luchd Mortaidh, O Josa bheannuichte, ata d’ sheasamh aig deas lamh Dhe chum cobhair air an dream sinn uile ’ta fullang air do shon, ar n’ aon eidir-mheadhonair agus fear tagraidh. Amen. ¶ An sin a leanas urnuigh la Nodhlaic, a deirear gach la gu oidhche choinle. An Litir. Ghniomh vii. 55. AIR do Stephein bhi lan do’n Spiorad naomh, dh’ amhairc è gu geur suas gu neamh, chunnairc è gloir Dhe, agus Josa ’n a sheasamh air deas làimh Dhe. Agus a dubhairt sè, Fèuch, ata mi faicsin nan neamha fosgailte, agus Mac an duine ’n a sheasamh air deas laimh Dhe. An sinn ghlaodh iad amach le guth mòr, agus stop iad an cluasa, agus thug iad a dh’ aon inntin d’a ionnsuidh. Agus air dhoibh a thilgeadh amach as a’ chaithir, ghabh iad do chlochaibh air: agus thilg na fia’naisean an eadach sios aig cosaibh òganaich, d’am b’ainm Saul. Agus chloch iad Stephan, agus è a’ gairm air Dia agus ag radh A Thighearna Josa, glac mo Spiorad. Agus air dha a leigeadh fein air a ghlùinibh, ghlaodh è le guth mòr, A Thighearna, na cuir am peacadh so as an leth. Agus air dha so a radh, choidil è. An Soisgeul. Mhatth. xxiii. 34. FEUCH cuirimse d’ar ionnsuidh fàidhe agus daoine glice, agus sgriobhuichean; agus cuid dhiubh marbhaidh agus ceusuidh sibh, agus cuid dhiubh sgiursaidh sibh ann bhur sionagoguibh, agus ni sibh geur-leanmhuin orra o bhaile gu baile: chum as gu ’n d’ thig oirbh gach uile fhuil fhìreanta dhòirteadh air an talamh, o fhuil Abeil fhireanta, gu fhuil Shacharias, mhic Bharachias, neach a mharbh sibh eidir an teampull agus an altair. Gu fìrinneach a deirim ribh, Gu’n d’thig na nithe-se uile air a’ ghinealach so. A Jerusalem, a Jerusalem, a mharbhas na faidhe, agus a ghabhas do chlochaibh air an droing a chuirear a’ t ionnsuidh, cia minic a b’àill leam do chlann a chruinneachadh r’a chèile mar a chrninnicheas cearc a h eòin fuidh sgiathaibh, agus cha b’àill leibh! Fèuch, fàgar bhur tigh aguibh ’n a fhàsach. Oir a deirimse ribh, nach fhaic [TD 46] sibh mise o so suas, gus an abair sibh, ’S beannuicht’ an Ti a thig ann ainm an Tighearna. La N. JOIN an Soisgeulaich. An Urnuigh. A THIGHEARNA thròcairich, tha sinn a’ guidhe ort do ghàthana dearlach solluis a thilgeadh air t-eaglais, chum air dhì bhi air a soilseachadh le teagasg t-Absdail bheannuichte agus do Shoisgeulaich Naomh Join, gu’n siubhail ì ann an solus t-fhìrinn, air doigh a ’s gu ’n ruig ì fa dheoidh air sollus na beatha mairtheanaich, trid Josa Criosd air Tighearna. Amen. An Litir. 1 N. Join, i, 1. AN ni a bha ann o thùs, an ni a chuala sinne, a chunnairc sinn le ’r sùilibh, air an d’ amhairc sinn, agus a laimhsich ar làmha thaobh briathra na beatha; (oir dh’ fhoillsicheadh a’ bheatha, agus chunnairc sinne i, agns ata sinn a’ deanamh fia’nais, agus ag cur ann cèill dhuibhse na beatha mairtheanaich ud a bha maille ris an Athair, agus a dh’ fhoillsicheadh dhuinne) An ni a chunnairc agus a chuala sinn, cuireamaid ann cèill duibhse, chum ’s gu’m bi agaibhse mar an ceudna co’-chomunn ruinne: agus gu fìrinneach ’ta ar co’-chomunne maille ris an Athair, agus maille r’a Mhac Josa Criosd. Agus tha sinn a’ sgriobhadh nan nithe so d’ar ionnsuidhe, chum gu’m bi bhur gàirdeachas coi’-lionta. Agus is i so an teachdoireachd a chuala sinn uaithe-sin, agus ata sinn a’ cur ann ceill dhuibhse; Gur solus Dia, agus nach ’eil dorchadas air bith ann-san. Ma deir sinn gu bheil co’ chomunn againn maille ris, agus sinn a’ gluasachd ann dorchadas, tha sinn a’ deanamh brèige, agus, ni bheil sinn a’ deanamh na fìrinn: Ach ma ghluaiseas sinn ann san t solus, amhuil tha eisean san t solus, ’ta co’-chomunn againn r’a chèile, agus glanaidh fuil Josa Criosd a Mhic, sinn o’n uile pheaca’. Ma deir sinn nach eil peacadh againn, tha sinn ’g ar [TD 47] mealladh fein, agus ni bheil an fhìrinn annainn. Ma dh’ aid’icheas sinn ar peacaidh, tha eisean fìrinneach, agus ceart chum ar peacaidh a mhaitheamh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd. Ma deir sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn a’ deanamh breugoire dheth-sin, agus ni bheil fhocal annainn An Soisgeul. Join, xxi. 19. THubhairt Josa re peadair, Lean mise. Ann sin air do Pheadar tionndadh, chunnairc è an deisciobul a b’ionmhuinn le Josa, a’leantuin; an ti fòs a luidh air uchd Josa a air shuipeir, agus a dubhairt ris, A Thighearna, co è a bhrathas thu? Air do Pheadar eisean fhaicsin, a dubhairt è re h Josa, A Tighearna, ciod a ni ’m fear so? Deir Josa ris, Ma ’s aill leam è dh’ fhantuin gus an d’ thig mi ciod sin duitse? Lean-sa mise. Uime sin chuaidh an radh so amach am measg nam braithre, nach fuigheadh an deisciobul sin bàs: gidheadh cha dubhairt Josa ris, Cha ’n fhuigh sè bas: ach, Ma ’s i mo thoilse è dh’ fhantuin gus an d’ thig mi, ciod è sin duitse? ’Se so an deisciobul ata deanamh fia’nais air na nithibh so, agus a sgriobh na nithe so: agus ata fhios againne gu bheil fhia’nais fior. Agus ata fòs mòran do nithibh eile a rinn Josa, nam biodh iad uile sgriobhta, ’s i mo bhar’ail nach cumadh an saoghal fein na rachadh a sgriobhadh do leabhruibh. La na NEO-CHIONTACH. An Urnuigh. O DHE uile-chumhachdaich, a dhorduich neart a’ beul leanabuibh agus chiochran, agus a thug air Naoidhein do ghlòrachadh le ’m bàs; claoidh agus marbh gach uile mi-ghniomh dhubhailc ionnain, agus neartuich sinn le d’ ghràs, chum le neo-chiontachd ar beatha, agus seasmhachd ar creidimh, gu’n glòraich sinn t-ainm naomh eadhon gu bàs, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 48] An Litir. Foills. xiv. 1. AGUS dh’ amhairc mi, agus fèuch, Uan ’n a sheasamh air sliabh Shion, agus maille ris ceud agus da fhichead agus ceithir mìle, aig an raibh ainm Athair-san sgriobht’ ann clàr an eudain. Agus chuala mi guth o fhlaitheanas, mar fhuaim mhòrain uisgeacha, agus mar fhuaim tairneanaich mhòir: agus chuala mi fuaim chlàrsoirean, a’ deanamh ciuil le’n clàrsaichibh fein. Agus chan iad mar gu’m b’oran nuadh è ann làthair na righ-chaithreach, agus ann lathair nan ceithir bheathaiche, agus nan seanoiridh: agus cha b’ urradh neach sam bith an t òran sin fhòghlum, ach an ceud agus an dà fhichead agus na ceithir mìle, a shaoradh o’n talamh. Is iad so an dream nach do shalchadh le mnaibh; oir is òighean iad is iad so an dream a’ta leantuin an Uain ge b’è àite an d theid è: shaoradh iad so o mheasg dhaoine, ’n an ceud thoradh do Dhia, agus do’n Uan. Agus ’n am beul cha d’ fhuaradh cealg: oir ata iad gun chron ann làthair righ-chaithir Dhe. An Soisgeul. Mhatth. ii. 13. FEuch do nochd fadh aingeal an Tighearna do Joseph ann am bruadar, ag radh, Eirich, agus gabh an leanabh òg agus a mhàthair, agus teich do’n Eipht, agus bi ann sin gus an lahhair mise riut: oir iarruidh Joraith an Naoidhean d’ a mhilleadh. Agus air eirigh dhòsan, ghabh sè d’a ionnsuidh a’ Naoidhean agus a mhàthair san oidhche, agus dh’imich sè do ’n Eipht: Agus bha sè ann sin gu bâs loraith: do chum gu coi’-lionfadh an ni a dubhairt an Tighearna leis an fhàidh, ag radh, Amach as an Eipht do ghoir mi mo Mhac. Ann sin air faicsin do Joraith gu’n d’rinn na Droithe fanoid air, do las sè le feirg ro-mhòir, agus air cur luchd millidh uaithe, mharbh sè na bha do leanbaibh mac am Betlehem, agus ’n a criochaibh uile, o aois dha bhliadhna no fui’, do reir na h aimfire a dh’fhò’luim sè gu dichiollach o na draoithibh. Ann fin choi’-lionadh an ni a labhradh le Jeremias am fàidh, ag radh. Do chualas guth an Rama, caoi agus gul agus bròn ro-mhòr Rachel ag caoineadh a cloinne, agus nior b’àill lè sòlas a gabhail, chionn nach bheil iad beo. [TD 49] An Domhnach an Deigh la Nodhlaic. An Urnuigh. A DHE uile chumhachdaich, a thug dhuinn-ne t aon ghin Mhic, a ’s gu’n gabhadh è ar natar-air fein, agus a bhi air a bhreath le Maighdin fhiorghloin mar gu’m b’ ann air an àm so; Deonuich air bhi dhuinn-ne air ar n-ath ghinnmhin, agus air ar deanamh n-ar cloinn dhuitse trid uchdmhacachd agus gràis, gu ’m bi sinn gach la air ar n-ath-nuadhuchadh le d’ Spiorad naomh, trid ar Tighearna an t-Josa Criosda ceudna sin, ata beo agus a’ riaghladh maille riutsa, agus ris an Spiorad naomh ceudna, aon Dia gu brath. Saoghal gun chrich. Amen. An Litir. Gal. iv. 1. NOise deiream, am feadh a bhios an t oighre ’n a leanabh, nach ’eil eidir-dheal achadh sam bith eider è agus seirbhiseach, ge d’ is è Tighearna gach uile nithe; ach ata è fuidh luchd-coimhead agus fuidh luchd-riaghluidh gu teachd na h aimsir’ a dh’ òrduich an t athair. Is mar an ceudna sinne, ’n uair a bha sinn ’n ar leannabaibh, bha sinn ann daorsa fuidh cheud fhòghlum an t saoghail: Ach ’n uair a thainig coi’-lionadh na h aimsir’, chuir Dia a Mhac fein uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fuidh ’n lagh, chum gu ’n saoradh è iadsan bha fuidh ’n lagh, ionnas gu fuigheamaid-ne uchd-mhacachd na cloinne. Agus do bhri’ gur mic fibh, chuir Dia Spiorad a Mhic fein ann bhnr croidhibh, ag èigheach, Abba, Athair, Uime sin cha seirbhiseach thu ni ’s mò, ach mac; agus ma ’s mac, is oighre fòs air Dia tre Chriosd. An Soisgeul. Mhatth. i. 18. AGus is mar so do bhi breith Josa Criosd: oir taireis do cheangal pòsaidh bhi air a dheanamh eidir a mhàthair Muire agus Joseph, roimh dhoibh dol cuideachd, fhuaradh torrach i o ’n Spiorad Naomh’. ’Nsin air bhi do Joseph a fear ’n a dhuine co’-thromach, agus gun toil aig’ eisiomplair fhollasach a dheanamh dhi’, bu mhiann leis a cur uaithe os ìseal. Ach ag smuaineadh na nithe-se dho, fèuch, dh’fhoillsich aingeal an Tighearna è fein da am bruadar, ag radh, A Joseph a mhic Dhaibhi, na biodh eagal ort do bhean Muire a ghabhail a’ d’ion- [TD 50] suidh: oir an ni ata air a ghineamhuin innte, is o ’n Spiorad Naomhtha è. Agus beuraidh si mac, agus bheir thu Josa dh’ ainm air; oir saoraidh sè a phobull fein o ’m peacaibh. (Agus rinneadh so uile, chum gu coi’-lionfadh an ni a dubhairt an Tighearna leis an fhàidh, ag radh, Feuch, bithidh maighdean torrach, agus beuraidh si mac, agus bheir iad Emmanuel dh’ainm air, ’s ionnan sin re radh air na eidir-theangachadh, agus, Dia maille ruinn). ’N sinn air mosgladh do Joseph as a chodal, do rinn sè mar a dh’iarr aingeal a Thighearn’ air, agus ghabh sè d’a ionnsaidh a bhean: agus nior aithin sè i gus an d’rug si a ceud mhac; agus thug sè Josa dh’ainm air. Timchiol-ghearradh CHRIOSD. An Urnuigh. A DHE uile chumhachdaich, a thug fai’near do Mhac beannuichte do thimchiol-ghearradh, agus a bhi umhla do’n lagh air son an duine; deonuich dhuinn fior thimchiol ghearradh an Spioraid, ionnas air bhi d’ ar croidheachaibh agus d’ar ballaibh air a’ bàsuchadh o gach an-mian Saoghalta agus feolmhor, gu’n tabhair sinn ann s gach uile nithibh umhlachd do d’ thoil bheannuichte, trid an ti cheudna do Mhac Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Rom. iv. 8. IS beannuichte an ti nach cuir an Tighearna peacadh as a leith. Am bheil ma seadh am beannacha’ so teachd air an timchioll ghearradh amhain, no fòs air an neo-thimchioll-ghearra’? Oir deireamaid gur mheasadh creidimh do Abraham mar fhìreantachd. Cionnas ma seadh a mheasadh dha è? An ann ’n uair bha è san timchioll-ghearra’, no san neo-thimchioll-ghearra’. Agus fhuair è comhar’ an timchioll-ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige san neo-thimchioll-ghearra’: chum gu ’m biodh è ’n a athair aca san uile a ’ta creidsin, san neo-thimchioll-ghearra’: chum gu measfadh fìreantachd dhoibhsin mar an ceudna: Agus ’n a athair an timchioll-ghearraidh dhoibhsin ata ni amhain do’n timchioll-ghearra’, ach mar an ceudna a ’ta ’g imtheachd ann an ceimnibh a’ chreidimh sin ar n [TD 51] athar Abraham, a bha aige san neo-thimchioll-ghearra’. Oir ni b’ ann tre ’n lagh a thugadh an gealla’ do Abraham no d’a shiol, Gu’m biodh è ’n a oighre air an t saoghal, ach tre fhìreantachd a’ chreidimh. Oir ma ’ta iadsan a bhuineas do’n lagh ’n an oighreachaibh, ata creidimh air a dheanamh diomhaoin, agus an gealla’ gun bhri’. An Soisgeul. Luc. ii. 15. AGus tharladh, mar a dh’fhalbh na h aingeil uatha gu neamh, gu’n dubhairt na buachaillean r’a chèile, Rachamaid a nois’ eadhon do Bhetlehem, agus faiceamaid an ni so a rinneadh, a dh’fhoillsich an Tighearna dhuinne. Agus thainig iad gu grad, agus fhuair iad Muire agus Joseph, agus an leanabh ’n a luidhe sa phrasaich. Agus an uair a chunnairc iad sin, dh’aithris iad an ni a dh’innseadh dhoibh mu thimchioll an leinibh sin. Agus ghabh gach neach a chuala so, iongantas ris na nithibh sin a dh’ innseadh dhoibh leis na buachaillibh. Ach ghleidh Muire na nithe sin uile, ag beachd-smuainteachadh orra ’na croidhe. Agus phill na buachaillean, a’ tabhairt glòir’ agus molaidh do Dhia, air son nan nithe sin uile a chual’ agus a chunnaic iad, a reir mar a dubhradh riu. Agus an uair a choi’-lionadh ochd laith’ chum an leanabh a thimchioll-ghearradh, thugadh JOSA a dh’ ainm air, eadhon an t ainm a ghoir an t aingeal deth mun do ghabhadh sa bhroinn è. ¶ Foghnuidh an Urnuigh, an Litir, agus an Soisgeul ceudna air son gach la ’n deigh sin, gu foillseachadh Chriosd. An foillseachadh no Taisbeineadh, CHRIOSD do na Cinnich. An Urnuigh. O Dhe, a dh’ fhoillsich t-aon ghinn Mhic do na Cinnich le treorachadh reulta, deonuich gu tròcaireach, gu ’m fuidh sinn-ne aig am bheil eolas ort a noise tre chreidimh seilbh, ann a do Dhiadhachd ghlòrmhor an deigh na beatha so, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 52] An Litir. Ephes. iii. 1. AIR an àdhbar so, ’ta mise Pòl prìosunach Iosa Criosd, air bhur sonsa, a Chinneacha; ma chuala fibh mu fhrithealadh gràis De, a thugadh dhamh-sa d’ar taobh-sa: gu’n d’ rinn sè aithnichte dhamh-sa tre fhoillseachadh, an rùn-diomhair mar a sgriobh mi roimhe gu h aith-ghearr’, leis am feud sibh air dhuibh a leughaadh, m’ eòlas ann rùndiomhair Chriosd a thuigsin) ni ann an lìnnibh eile air nach d’ thugadh fios do chlann nan daoine, mar ata è ’noise air fhoillseachadh d’a abstolaibh naomha agus do na fàidhibh trìd an Spioraid; gu’m biodh na Geintilich ’n an co’-oighreachaihh, agus ’n an co’-chorp, agus ’n an luchd co’-pairt d’a ghealla’-san ann Criosd, trìd an t soisgeil: air an d rinneadh mise a’m’ mhinisteir, a reir tiodhlaic gràis De a thugadh dhamh, a reir oibreachadh eiseachdacha cumhachd-san. Dhamh-sa, a’s lugha na naomhaibh uile, thugadh an gràs so, saibhreas Chriosd nach feudar a rannsachadh, a shearmonachadh a’ measg nan Geintileach; agus gu ’n deanainn soilleir do na h uile dhaoinibh, creud è comun an rùin-diomhair sin, a bha folaichte ann Dia o thoiseach an t saoghail, a chruthaich na h uile nithe trìd Josa Criosd: chum gu’n deantadh aithnichte ’noise do uachdranaibh agus do chumhachdaibh ann an ionadaibh neamhaidh, leis an eaglais, gliocas eagsamhuil Dhe, reir an ruin shiorruidh a rùnaich sè ann Josa Criosd ar Tighearna: ann s a’ bheil againn dànachd agus slighe dol a steach ann am muinghin trìd a chreidimh sin. An Soisgeul. Matth. ii. 1. AGus an uair a rugadh Josa am Betlehem thìr Juda, ann laithibh Joraith an righ, fèuch, do thainig Draoithe o’n àird an ear gu Hierusalem, ag radh, C’àit’ am bheil righ ud nan Judhach ata air a bhreith? oir chunnairc sinne a reult san àird an ear, agus ata sinn air teachd a thabhairt adhraidh dha. An uair a chual’ Joraith an righ sin, bha sè fuidh thrioblaid, agus Hierasalem uille maille ris. Agus air cruinneachadh nan àrd-shagarta uile dha, agus scriobhaichean a’ phobuill, dh’ fheòraich sè dhiubh c’àit’ an raibh Criosd gu bi air a bhreith. Agus a dubhairt siad ris, Am Betlehem thìr Juda: oir is mar so do scriobhadh leis an fhàidh; Agus thusa Bhetlehem ann tìr Juda, cha tu idir is lugha a’ measg phrionnsaidh Juda: oir asadsa do thig an t Uachdaran a sdiuras mo phobull Israel. Ann an sin [TD 53] [Taobh-duilleig 43 san leabhar fhèin] air do Joraith na daoine glic’ a ghairm os ìseal d’a ionnsuidh, dh’fheòruich sè dhiubh gu ro-gheur creud an t àm an d’fhoillsicheadh an reult. Agus air an cur gu Betlehem dha, a dubhairt sè, Im’ichibh, agus iarruibh gu dichiollach an naoidhean, agus ’n diaigh fhaghail dhuibh, innsibh dhamsa è, chum gu rachamsa fein, agus gu deanam adhradh dha. Agus air cluinntin an righ dhoibh dh’imich iad, agus fèuch, do chuaidh an reult a chunnairc iad san àird an ear rompa, gus an d’thainig si agus stad si os cionn an ionaid ann raibh an naoidhean. Agus air faicsin na rèilte dhoibh, do rinn siad gàirdeachas le h aoibhneas ro-mhòr. Agus air dol a steach dhoibh do ’n tigh, fhuair iad an naoidhean am fochair a mhàthar Muire, agus do thuit iad sios, agus rinn siad adhradh dhò: agus air fosgladh an ionmhais dhoibh, thug iad dha tiodhlaca’; òr, agus tùis, agus mirr. Agus air faghail rabhaidh o Dhia am bruadar, gun iad a philltin dh’ionnsuidh Joraith, chuaidh iad d’an dùthaich fein air slighe eile. An Ceud Domhnach an Deigh an Taisbeanaidh. An Urnuigh. O Thighearna, tha finn a’ guidhe ort gu’n gabha tu gu tròcaireach ri urnuighean do phobuil ata gairm ort, agus deonuich gu ’m bl beachd agus eolas ac’ air na nithibh bu choir dhoibh a dheanamh, agus gu’m bi gràs agus neart aca chum an ceudna a choi’lionadh gu fìrineach, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Romh. xii. 1. AIR an àdhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithre, tre throcairibh Dhe, ar cuirp a thabhairt ’n am beo-iobairt, naomha, thaitneach do Dhia, ni a’s è bhur seirbhis reusonta. Agus na bithidh air bhur cumadh ris an t saoghal so: ach bithibh air bhur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh bhur n inntin, chum gu’n dearbh sibh creud i toil mhaith, thaitneach, agus dhiongmhalta sin De. Oir deiream tre a’ ghràs a thugadh dhamh-sa, ris gach uile ’n ar measg, gun smuainteachadh uime fein ni ’s àirde na ’s còir dha smuainteachadh; ach smuaintea- [TD 54] chadh am measarrachd, a reir mar a roinn Dia ris gach uile neach tomhas a’ chreidimh. Oir mar ata mòran bhall againn ann aon chorp, agus cha ’n ’eil aig gach uile bhall an aon oifig: Amhuil sin ge do tha sinne ’n ar mòran, is aon chorp ann Criosd sinn, agus is buill sinn gach aon sa leith d’a chèile. An Soisgeul. Luc. ii. 41. AGus chuaidh a phàranta’ gach bliadhna gu Hierusalem, aig feìsd na caisge. Agus air bhi dha dà-bhliadhna-dheug a dh’ aois, chuaidh iad suas gu Hierusalem, a reir gnàth’ na féisde. Agus air coi’-lionadh nan làethe sin doibh, ’n uair a phill iadsa’, dh’fhan an leanabh Josa ’n an diaigh ann Hierusalem; agus ni’n raibh fios aig Joseph no aig a mhàthair air sin. Ach air dhoibh a shaoilsin gu’n raibh è sa chuideachd, dh’imich iad astar là; agus dh’iarr iad è ’measg an cairdean, agus an luchd eòlais. Agus an t ann nach d’fhuair iad è, phill iad gu Hierusalem, ’g a iarruidh. Agus tharladh ’n diaigh thri làith’, gu’n d’fhuair siad è san teampul, ’n a shuidhe a’ meadhon an luchd teagaisg, faraon ’g an eisdeachd, agus a’ cur cheistean orra. Agus ghabh a’ mhuintir a chual’ è uilè iongantas r’a thuigse agus r’a fhreagraibh. Agus air dhoibh fhaicsin, ghlac ua’bhas iad: agus a dubhairt a mhàthair rìs, A mhic, c’ar son a rinn thu mar so oirne? fèuch, bha t athair agus mise gu brònach ga d’iarruidh. Agus a dubhairt eisean riu, C’ar son a bha sibh ga m’iarruidh? nach raibh fhios agaibh gu’m bu chòir dhamhsa bhi mu ghnothuichibh m’ Athar? Agus cha do thuig iadsan an ni a labhair è riu. Agus chuaidh è sios maille riu, agus thainig è gu Nasaret, agus bha è umhal doibh: ach ghleidh a mhàthair na nithe sin uile ’n a croidhe. Agus thainig Josa air aghaidh ann an gliocas agus am mèudachd, agus ann an deadh-ghean aig Dia, agus aig doinibh. An Dara Domhnach an deigh an Taisbeanaidh. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, ata riaghladh nan uile Nithe air neamh agus air talamh; eisd gu tròcaire- [TD 55] ach ri Achanuich do phobull, agus deonuich dhuinn do shiothchaimh feadh uile laethibh ar beatha, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Rom. xii. 6 UIme sin air bhi do thiodhlacaibh eagsamhail againn, a reir a’ ghrais a thugadh dhuinn, ma ’s fàidheadoireach, deanamaid fàidheadhoireachd do reir tomhais a’ chreidimh: No ma ma ’s mhinistreileachd, thugamaid aire d’ar ministreileachd no an ti a theagaisgas, thugadh è aire d’a theagasg: No an ti a bheir earail, thugadh è aire d’a earail: an ti a roinneas an deirc, roinneadh è i ann treibhdhireachd; an ti a rioghlas, deanadh sè è maille re dùrachd; an ti a ni tròcair, deanadh sè è gu suilbhir. Biodh bhur gràdh gun cheilg. Biodh grain agaibh do’n olc, leanaibh gu dlù’ ris an ni a ’ta maith. Bithibh teo-chroidheach d’a chéile, le gràdh bràthaireil, ann onoir a’ toirt toiseach gach aon d’a chéile: Gun bhi leasg ann gnothuichibh: dùrachdach ’n ar spiorad; a deanamh seirbhis do’n Tighearna; a deanamh gàirdeachais ann dochas: foighidneach ann triobloid; mairtheanach ann an urnuigh; a’ co’roinn re uireasbhuidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd. Beannuichibh an dream a’ta deanamh geur-leanmhuin oirbh: beannuichibh, agus na mallaichibh. Deanaibh gairdeachas maille riu-san a’ta re gàirdeachas, agus caoi’maille riu-san a’ta re caoi’. Gu ma h aon toil dhuibh r’a chéile. Na biodh bhur cion air nithibh àrd, ach cuiribh sibh fein ann coi’-inbhe riu-san a’ta iosal. An Soisgeul. Join ii. 1. AGus air an treas là bha pòsadh ann Cana na Galilee; agus bha màthair Josa ann sin. Agus ghoireadh Josa fòs, agus a dheisciobul, chum a’ phòsaidh. Agus air teireachdain do’n fhion, a dubhairt màthair Josa ris, Cha ’n ’eil fion aca. A dubhairt Josa ria, Creud mo gnothuchsa riut, a bhean? cha d’ thainig m’ uair-se fòs. A dubhairt a mhàthair ris an luchd frithealaidh, Ge b’è ni a their è ribh, deanaibh è. Agus bha ann sin sea soithiche cloiche am bu ghnà’ uisg’ a chur, a reir gnàth’ glanaidh nan Judhach, a ghabhadh dà fheircin no tri gach aon aca. A dubhairt Josa riu, Lionaibh na soithiche le uisge. Agus lion siad iad gus am beul. Agus a dubhairt sè riu, Tairngibh a nois’, agus thugaibh chum uachdarain na [TD 56] [Taobh-duilleig 46 san leabhar fhèin] fèisde. Agus thug iad ann è. ’Nuair a bhlais uachdaran na féisd’ an t uisg’ a rinneadh ’n a fhion, (agus cha raibh fhios aige co as a thainig è; ach bha fhios aig an luchd frithealaidh a tharruing an t uisge) ghoir uach aran na feisd’ am fear-nua’-pòsda, agus a deir sè ris, Curidh gach uile dhuine fion maith a làthair air tùs; agus ’n uair a dh’ òlas daoine gu leòr, ann fin am fion a’s measa: ach ghleidh thus’ am fion maith gus a noise. An toiseach so mhiorbhuilibh rinn Josa ann Cana na Galilee, agus dh’-fhoillfich sè a glòir; agus chreid a dheisciobuil ann. An Treas Domhnach an Deigh an Taisbeanaidh. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, amhairc gu tròcaireach air ar n anmhaineachdaibh, agus ann ar uile chunnartaibh agus riachdanais sìn amach do lamh dheas ga’r comhnadh agus ga’r teasairgin, trid Josa Criosd ar Tighearna. An Litir. Rom. xii. 16. NA bithibh glic ’n ar bar’aìl fein. Na diolaibh olc air son uilc do dhuin’ air bith. Ull’uichibh nithe ciatfach am fia’nais nan uile dhaoine, Ma dh’ fheudàs è bhi, mhèud ’s ata ann comas duibhse, biodh siothcaint agaibh ris gach uile dhaoinibh. A chàirde gràdhach, na deanaibh dioghaltas air bhur son fein, ach thugaibh àite do ’n fheirg: oir ata è sgriobhta, is leamsa an dioghaltas; iochdaich mi, deir an Tighearna. Uime sin ma bhios do nàmhad ocrach, thoir biadh dha; ma bhios è tartmhor, thoir deoch dha; oir le so a dheanamh carnaidh tu eibhle teine air a cheann. Na d’ thugadh an t olc buaidh ort, ach beir-se buaidh air an olc leis a’ mhaith. An Soisgeul, Matth viii. 1. AGus tairies teachd o’n t sliabh dha, lean cuideachd mhòr è. Agus fèuch, thainig lobhar, agus thug sè onoir dha, ag radh, A Tighearna, ma’s toil leatsa, is comasach thu air [TD 57] mise a ghlanadh. Agus shìn Josa amach a làmh, agus bhean è ris, ag radh, Ata mi toileach, bi thusa glan. Agus air ball bha a loibhre air a glanadh. Agus a dubhairt Josa ris, Fèuch nach innis thu do dhuine air bith, ach im’ich, taisbein thu fein do ’n t sagairt, agus beir chuige an tiodhlacadh a dh’ àithin Maois, mar fhiadhnuis dhoibh. Agus air dol do Josa steach do Chapernaum, thainig d’a ionnsuidh Caiptin cheud, a’ guidheadh air, agus ag radh, A Thighearna, ata m’ òglaoch ’n a luidh’ a stigh am pairilis, agus air a phianadh gu ro-iomarcach. A deir Josa ris, Thig mise agus slànuichidh mi è. Agus air freagairt do’n Chaiptin a dubhairt sè, A Thighearna, cha ’n fhiu mise thusa a theachd asteach fa m’ chleith: ach amhàin abair am focal, agus slànuichear m’ òglaoch. Oir is duine mise fèin ata fui’ ùghdarras, aig am bhuil saighdfhearra fum: agus deirim ris an fhear so, Im’ich, agus im’ichidh sè: agus rls an fhear so Thig, agus thig sè: agus ra m’ shearbhanta, Dean so, agus ni sè è. Air cluinntin so do Josa, ghabh sè iongantas, agus a dubhairt sè ris a’ mhuintir a bha ’g a leantuin, Gu firinneach a deirim ribh, nach d’fhuair mi creidimh co-mòr as so, ann an Israel fein. Agus a deirim ribh, gu’n d’thig mòran o ’n àird an ear, agus on aird an iar, agus suidhidh iad maille re Abraham, agus Isaac, agus Jacob, ann an Rioghachd nèimh’. Ach tilgear clann na rioghachd ann dorchadas ata leith amuigh: bithidh ann sin gul agus gearradh fhiacall. Agus a dubhairt Josa ris a’ chaiptin cheud, Im’ich romhad, agus biodh dhuit a reir mar á chreid thu. Agus shlànuicheadh a shearbhanta air an uair sin fein. An Ceathramh Domhnach an deigh an Taisbeanaidh. An Urnuigh. O Dhe, aig am bheil fios gu bheil finn air ar suidheachadh ann a’ meadhon chunnartan co mhòr agus co lionmhor, air achd le anmhuineachd ar Natuir a ’s nach urrain sinn do ghna seasamh dìreach; Tabhair dhuinn a leithid a neart agus a dhìdin, ’s a chumas suas sinn ann sna h-uile chunnartaibh, agus a ghiulanas trid gach uile bhuaidhreadh sinn, tre Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 58] An Litir. Rom. xiii. 1. BIodh gach anam umhal do na h àrd chumhachdaibh. Oir cha’n ’eil cumhachd ann ach o Dhia: agus na cumhachda a ’ta ann, is ann o Dhia a dh’ orduicheadh iad. Air an àdhbhar sin ge b’è air bith a chuireas ann aghaidh a chumhachd, ata se cur ann aghaidh òrduigh Dhe: agus iadsan a chuireas ’n a aghaidh, gheibh siad breitheanas dhoibh fein. Oir cha ’n ’eil uachdarain ’n an àdhbhar eagail do dheadh oibribh, ach do dhroch oibribh. Uime fin am miann leat bhi gun eagal an uachdarain ort? dean am maith, agus gheibh thu cliu uaithe. Oir is eisean sèirbhiseach Dhe chum maith dhuit. Ach ma ni thu an t olc, biodh eagal ort; oir cha ’n ann gu diomhaoin ata sè giùlan a’ chloidheimh: oir is è seirbhiseach Dhe, ’n a dhioghaltoir feirg air an ti a ni olc. Uime sin is eigin bhi umhal, ni h ann amhain air son feirge, ach fòs air son coguis. Oir air an àdhbhar so ata sibh toirt cis dhoibh fòs: oir is iad seirbhisich Dhe iad, a’ sìr-fheitheamh air an ni so fein. Air an ádhbhar sin thugaibh do gach uile neach an dlighe fein: cain dha-san d’an dlighear càin, cìs dha-san d’an dlighear cìs, èagal dha-san d’an còir eagal, agus onoir dha-san d’an còir onoir. An Soisgeul. Matt. viii. 23. AGus air dol dhòsan a steach do’n luing, lean a dheisciobuil è. Agus fèuch, dh’eirich stoirm mhòr air an fhairge, ionnas gu’n d’fholaich na tonna an lòng: ach bha eisean ’n a chodal Agus thainig a dheisciobuil d’a ionnsuidh, agus dhùisg iad è ag radh, A Thighearna, teasairg sinn ata sinn cailte. Agus a dubhairt sè riu, Creud fa ’m bheil sibh eaglach, sibhse air bheag creidimh? Ann sin dh’eirich sè agus chronuich sè na gaotha agus an fhairge, agus bha ciuineas mòr ann. Ach ghabh na daoine iongantas, ag radh, Creud è ghnè dhuine so, gu bheil na gaotha fein agus an fhairge umhal dha? Agus air teachd dha do’n taoibh eile, gu tìr nan Geirgisineach, thachair dias do dhaoinibh air ann an raibh deamhain, teachd amach as na tuamaibh, agus bha iad ro-gharg, ionnas nach feudfadh duine air bith an t slighe sin a ghabhail. Agus fèuch, ghlaoidh iad, ag radh, Creud è ar gnothuchne riut, Josa a Mhic Dhe? An d’ thainig thu ann so d’ar pianadh roimh’ an ám? Agus bha treud [TD 59] mhòr do mhucaibh am fad uatha, ag inealtradh. Agus dh’iarr na deamhain dh’athchuinge air fin, ag radh, Ma thilgeas tu amach finn, leig dhuinn dol san treud mhuc ud. Agus a dubharit sè riu, Im’ichibh. Agus air dol amach dhoibh, chuaidh siad ann san trèud mhuc: agus fèuch, do ruidh an treud mhuc uile gu dian sios air ionad corrach, do’n chuan; agus chailleadh sna h uisgibh iad. Agus theich na buachaillean, agus chuaidh iad do’n bhaile, agus dh’innis iad na nithe-se uile; agus fòs na thachair dhoibhsin ann an raibh na deamhain. Agus fèuch, chuaidh am bail’ uile amach chum Josa a chomhlachadh, agus an uair a chunnairc è, ghuidh iad air im’eachd as an criochaibh-sin. An Cuigeamh Domhnach an Deigh an Taisbeanaidh. An Urnuigh. O Thighearna, guidhemid ort t-Eaglais agus do theaghlach a ghleidheadh do ghna ann a d’ t-fhior chreidimh, chum an dream ata leigeadh an taic amhain air dòchas do ghràis neamhaidh, gu’m bi iad gu brath ar an dion le d’ mhòr chumhachd, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Col. iii. 12. UIme sin cuiribhse umaibh (mar dhaoine taghta Dhe naomha agus ionmhuinn) tiom-chroidhe thròcaire, caomhalachd irioslachd inntin, macantas, fad-fhulangas; a’ giùlan le chèile, agus a’ maitheamh d’a cheile ma ’ta cùisghearain aig neach ann aghaidh neach: amhuil mar a thug Criosd maitheanas dhuibhse, deanaibhse mar an ceudna. Agus thar nanithibh so uile, cuiribh umaibh seirc, ni a ’s è coi’-cheangal na foirseachd. Agus biodh sìth Dhe a’ riaghladh ann bhur croidhe, chum am bheil sibh fòs air bhur gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil. Gabhadh focal Chriosd comhnuidh annaibh gu saibhir san uile ghliocas; a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le salmaibh, agus laoidibh, agus cantaicibh spioradail, a’ deanamh ciuil do’n Tighearna le gràs [TD 60] ann bhur croidhe. Agus ge b’è ni air bith a ni fibh ann am focal no ann gniomh, deanaibh na h uile nithe ann ainm an Tighearna Josa, a’ toirt buidheachais do Dhia eadhon an t Athair trìd-sin. An Soisgeul, Matth. xiii. 24 IS cosmhuil rioghachd neimhe re duine a chuir siol maith ann a fhearann: agus ann uair a bha daoine ’n an codal, thailnig a namhaid agus chuir sè cogal a’ measg a’ chrui’neachd, agus dh’imthich sè roimhe. Ach an uair a thainig an t arbhar fui’ dhèis, agus a thug sè amach a thoradh, dh’fhoillsich an cogal è fein mar an ceudna. Agus air teachd do sheirbhiseachaibh fhir-an-tighe, a dubhairt siad ris, A Thighearna, nach do chuir thusa fiol maith ann a t fhearam? c’àite ma seadh as an d’fhuair sè an cogal? A dubhairt eisean riu, Rinn nàmhaid éigin so. Agus a dubhairt na seirbhisich ris, An aill leat uime sin gu’n teid sinne agus gu’n cruinnich sinn r’a chéile iad? Ach a dubhairt eisean riu, Ni h àill; air eagal ag cruinneachadh a’ chogail duibh, gu spion sibh an crui’neachd maille ris. Leigibh leo fàs araon gus an d’ thig am foghmhar: agus ann àm a fhoghmhaire a deir mise re m’ luchd-buanaidh, Cruinnichibh air tùs an cogal, agus ceangluibh è ’n a phunnanuibh chum a losgaidh: ach cruinnichibh an crui’neachd do m’ sgiobol. An Seathamh Domhnach an Deigh an Taisbeanaidh. An Urnuigh. O Dhe, aig an raibh do Mhac beannuichte air fhoillseachadh, do chum gu’n sgriosadh è oibreadh an diabhoil, agus gu’n deanadh se sinn-ne ’n ar Mic do Dhia, agus ’n ar ’n oighribh air beatha shiorruidh, Deonuich dhuinn, tha finn a’ guidhe ort, air bhi do’n dòchas so againn, gu ’n glan sinn sinn-fein, eadhon mar ata eisin glan; a chum a’ nuair a dh’fhoillsichear a ris è le cumhachd agus le glòir mhòr, gu ’m bi sinn air ar deanamh cosmhuil ris ’n a rioghachd shiorruidh ghlòrmhor [TD 61] fein, sann ionad, Maille riutsa O Athair, agus riutsa O Spioraid Naoimh, s am bheil è beo a riaghlachadh aon Dia gu brath, Saoghal gun chrìch. Amen. An Litir. 1. Join. iii. 1. FEuchaibh, ciod a’ ghnè graidh a thug an t Athair dhuinne, gu’n goirteadh clann De dhinn: uime sin ni ’n aithne do’n t saoghal sin do bhri’ nach b’ aithne da eisean. A mhuintir mo graidh, ’noise is sinne mic Dhe, agus ni ’n soilleir fòs ciod a bhitheas sinn: ach ata fhios againn, ’n uair a dh’ fhoillsichear eisean, gu’m bi sinn cosmhuil ris: oir chi sinn è mar ata è. Agus gach uile neach aig am bheil an dochas so ann-san, glanaidh sè è fein, amhuil ata eisean glan. Ge b’è neach a ni peacadh, tha è mar an ceudna a’ briseadh an lagha. Agus ata fhios agaibh gu’n d’fhoillsicheadh eisean chum ar peacaìdh-ne thoirt air falbh; agus ni bheil peacadh sam bith ann san. Gach uile neach a dh’ fhanas ann-san, cha dean è peacadh: ge b’è air bith a pheacaicheas, cha ’n fhaca sè eisean, agus cha raibh eolas aige air. A chlann bheag, na mealladh neach air bith sibh: an ti a ni fìreantachd, is fìrean è, amhuil is fìrean eisean: an ti a ni peacadh, is ann o’n diabhol ata è; oir tha an diabhol a’ peacachadh o thùs. Is ann chum na crìche so a dh’ fhoillsicheadh Mac Dhe, chum gu’n sgriosadh è oibridh an diabhoil. An Soisgeul. Matth. xxiv. 23. ANN sin ma deir aon duine ribh, Fèuch, ata Criosd ann so, no ann sùd: na creidibh è. Oir eir’idh Criosdanna brèige, agus ni siad comharthaidh agus miorbhuile môra, ionnas gu mealladh fiad (nam feudadh è bi) na daoine taghta fein. Fèuch, dh’innis mi dhuibh è roi’-laimh. Uime sin ma deir siad ribh, Fèuch, ata sè san fhàsach, na rachaibh amach: fèuch, ata sè sna seomraichibh uaigneach, na creidibh sin. Oir a reir mar a thig an dealanach o’n àird an ear, agus a dhealruicheas i gus an àird an iar: mar sin mar an ceudna bhitheas teachd Mhic an duine. Oir ge b’è ball am bi a’ chairbh, is ann an sin a chruinnichear na h ioluirean. Air ball an diaigh triobloid nan là’ith’ ud, dorchuichear a’ ghrian, agus ni’n tabhair a’ ghealach a solus, agus tuitidh na reulta o neamh, agus bithidh cumhachda nan neamha air an crathadh. Agus ann sin foillsichear comharth’ [TD 62] Mhic an duine ann neamh: agus ann sin ni uile threibhe na talmhain bròn, agus chi siad Mac an duine a’ teachd air nèulaibh nèimh’, le cumhachd agus glòir ro-mhòir. Agus cuirfidh sè ’mach Aingil le fuaim mhòir-na gall truimp, agus cruinnichidh siad a shluagh taght’ o na ceithir gaothaibh, o leith iomal neimhe gus an leith iomall eile. An Domhnach d’an Goirrear Septuagesima, no an Treas Domhnach Roimh an Charmhas. An Urnuigh. O Thighearna, guidhemid ort gu’n eisdeadh tu gu fabharach re urnuigh do phobuil, chum gu’m bi sinn-ne ata gu ceart air ar peanasachadh air son ar coirreanna, air ar saoradh gu tròcaireach le d’ mhaitheas, chum glòir t-ainm, trid Josa Criosd ar Slanui’fhear, ata beo agus a’ riaghladh maille riutsa agus ris an Spiorad Naomh, aon Dia gu brath, Saoghal gun chrìch. Amen. An Litir. 1. Cor. ix. 24. NAch ’eil fhios agaibh iadsan a ’ta ruidh ann sa bhlar-rèise, gu’n ruidh iad uile, ach is aon duin’ a gheibh an geall? gu ma h amhuil a ruidheas sibhse, ionnas gu’n glac sibh an geall Agus ata gach uile ghleachdoir measarra ann sna h uile nithibh: noise, ata iadsan a’ deanamh sin chum ’s gu’m fuigh iad crún truaillidh, ach sinne air son crùin neo-thruaillidh. Uime sin is amhuil a ruidheamsa, ni h ann mar gu neo-chinnteach: is amhuil a chogam, ni h ann mar neach a bhuaileas an t aidhear: Ach trom-bhuailean mo chorp, agus cuiream fuidh smachd è: an t eagal air chor sam bith taireis damh an soisgeul a shearmonachadh do dhroing eile, gu’n cuir’ear mi fein air cul. An Soisgeul, Matth xx. 1. OIR is cosmhuil rioghachd Neimh’ re fear-tighe, a chuaidh amach moch air mhaidin a thuarasdlachadh luchd oibre [TD 63] d’a ghàradh fìona. Agus taireis da còrdadh ris an luchd oibre air pheghinn Romhanaich san là, chuir sè g’ a ghàradh fìona iad. Agus air dol amach dha timchioll na treas uaire, chunnairc sè droing eile ’n an seasamh diomhanach air a’ mhargadh, agus a dubhairt sè riu, Im’ichibhse mar an ceudna do’n gharadh fhìona, agus ge b’è ni a bhitheas ceart, bheir mi dhuibh è. Agus dh’imich fiad. Air dol amach dha mu timchioll na seathadh agus na naothadh uair’, rinn se mar an ceudna. Agus air dol amach dha mu thimchioll na h aon-uair-deug, fhuair sè dream eile ’n an seasamh diomhanach, agus a deir sè riu, C’ar son ata fibh ’n ar seasamh ann so feadh an là diomhnanach? A deir siad ris, Chionn nach do thuarasdaluich duine air bith sinn. A deir sè riu, Im’ichibhse mar an ceudna do’n ghàradh fhìona, agus ge b’é ni ata ceart, gheibh fibh è. Agus air teachd do’n fheascar, a deir tighearn’ a’ ghàraidh fhìona sin r’a stiobhard, Gairm an luchd oibre, agus tabhair dhoibh an tuarasdal, ag toiseacheadh o ’n droing a thainig sa dheireadh gu ruig na ceud daoine. Agus air teachd dhoibhsin a thuarasdaluicheadh mu thimchioll na aon-uair-deug, fhuair gach duine dhiubh peghinn. Ach air teachd do’n cheud dream, shaoil iad-sa gu ’m fuigheadh iad ni bu mhò, ach fhuair gach aon diubh mar an ceudna peghinn. Agus air dhoibh fhaghail, rinn siad monmhor ann aghaidh fhir-an-tighe, ag radh An dream sin a thainig fa dheireadh, ni ’n d’rinn siad obair ach aon uair, agus chuir thu iad ann coimh-meas ruinne, a dh’iomchair uallach agus teas an là. Ach air freagairt dha-san, a dubhairt sè re fear dhiubh, A charaid, ni ’m bhuileam a’ deanamh eacoir ort: nach do chòird thu rium air pheghinn? Tog leat do chuid fein, agus im’ich romhad: ’s i mo thoils’ a thabhairt do’n ti so a thainig fa dheireadh, mar a’ thug mi dhuitse. Nach ’eil è ceaduichte dhamhsa an ni a’s toil leamh a dheanamh re m’ chuid fein? am bheil do shùils’ olc, air son gu bhuil mise maith? Is mar sin bithidh an droing dheireannach air thoiseach, agus an droing ata air thoiseach air dheireadh: oir ata mòran air an gairm, ach beag air an tagha’. [TD 64] An Domhnach d’an goirrear Sexagesima, no an dara Domhnach roimh a Charmhas. An Urnuigh. O Thighearna Dhe, ata a’ faicfin nach ’eil sinn a’ cur ar n’ earbsa ann nì air bith ata sinn fein a’ deanamh; deonuich gu ’m bi sinn le d’ chumhachd air ar dion gu tròcaireach an aghaidh gach amhghair, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 2 Cor. xi. 19. OIR giùlainibh sibh gu toileach le amadanaibh, do bhrì gu bheil sibh fein glic. Oir fuil’gidh sibh ma bheir neach ann daorsa sibh, ma dh’ itheas neach sibh, ma bheir neach bhur cuid dhibh, ma dh’ àrdaicheas neach è fein, ma bhuaileas neach air an aghaidh fibh. Labhram thaobh eas-onoir, mar gu’m bitheamaid anmhunn: ach, ge b’è ni ann s a’ bheil neach air bith dàna, (labhram gu h amaideach) ata mise dàna ann mar an ceudna. An Eabhruich iad? is mar sin mise mar an ceudna: An Israelich iad? is mar sin mise fòs: An sliochd do Abraham iad? is mar sin mise mar an ceudna: Am ministeiridh do Chriosd iad? (labhram mar dhuine micheillidh) ’taimse os an ceann sa chùis so: ann saothairibh ni’s pailte, ann am buillibh ni ’s ro mhò am prìosunaibh ni ’s trice, am bàsaibh gu minic. Fhuair mi o na h Iudhachaibh cuig uaire dà fhicheadh buille ach a h aon. Ghabhadh do shlataibh orm tri uaire, chlochadh mi aon uair, dh’ fhuiling mi lòng-bhriseadh tri uaire; la agus oidhche bha mi san doimhne: ann turusaibh gu minic, ann gàbha aimhnichean. ann cuntartaibh mheirleach, ann cuntartaibh o m’ chinneach fein, ann cuntartaibh o na Geintileachaibh, ann cuntartaibh sa’ bhaile, ann cuntartaibh san fhàsach, ann cuntartaibh san fhairge, ann cuntartaibh ’measg bhràithre fallsa; ann sgìos agus am briseadh croidhe, am fairibh gu minic, ann ocras agus ann tart, ann trosgaibh gu minic, am fuachd, agus ann lom-nochdaidh. Bharr air na nithibh a ’ta ann leith ’muigh, an ni a ’ta teachd orm gu lathail, cùram nan eaglaisean uile. Co a’ta lag, agus nach bheilimse lag? co a ta’ faghail oilbheim, agus nach ’eil mise air mo losgadh? Mas eigin damh uail a dheannmh, is ann as na nithibh a bhuineas [TD 65] do ’m anmhuinneachd a ni mi uaill. ’Ta fios aig Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crosd, a ’ta beannuichte gu siorruidh, nach ’eil mi deanamh bréige. An Soisgeul. Luc. viii. 4. AGus ’n uair a chruinnich sluagh mòr, agus a tbainig iad as gach baile d’a ionnsuidh, labhair è ann an cosamhlachd riu: Chuaidh Sioladair amach a chur a shil: agus ag cur da, thuit cuid re taoibh an ròid, agus shaltradh sios ê, agus dh’ith èunlaith an aidheir suas è. Agus thuit cuid eil’ air carraig, agus air fàs da, shearg sè, do bhri’ nach raibh sùgh aige. Agus thuit cuid eile a’ measg droighinn, agus air fàs do’n droighionn maille ris, thachd se è. Agus thuit cuid eile air talamh maith, agus dh’fhas è suas, agus thug è toradh uaithe a cheud uiread ’s’ n chuireadh. Agus air dha na nithe sin a radh, ghlaodh è, Ge b’è aig am bheil cluasa chum eisteachd, eisdeadh è. Agus dh’fhiosraich a dheisciobuil deth, ag radh, Creud è an cosamhlachd so? Agus a dubhairt eisean, Thugadh dhuibhse eolas fhaghail air rùn diomhair Rioghachd Dhe; ach do chàch ann cosamhlachdaibh; ionnas aig faicsin doibh nach faiceadh iad, agus ag cluintinn doibh nach tuigéadh iad. Ach is è so an cosamhlachd: Is è’n siol focal De. Iadsan re taoibh an ròid, is iad sin a dh’eisdeas: ’n a dhiaigh sin ata ’n Diabhol a’ teachd, agus a’ tog’ail air falbh an fhocail as an croidhibh, ’n t eagal gu’n creideadh iad agus gu ’m biodh iad air an sabhaladh. An dream air a’ charraig, is iad sin iadsa’, ’n uair a dh’eisdeas iad, a ghabhas’ am focal d’an ionnsuidh le gairdeachas; agus cha ’n ’eil aca so freumh, muintir a chreideas rè tamuill, agus ann àm buaireidh ata tuiteam air falbh. Agus an ni ud a thuit a’ measg droighinn, is iad sin an dream a dh’eisdeas, agus air dhoibh dol amach, ata siad air an tachdadh le cùram, agus le saibhreas, agus le saimhe na beatha so, agus nì ’m bheil iad a’ toirt toraidh uatha chum foirfeachd. Ach an ni ud a thuit san talamh mhaith, is iad sin iadsan, air dhoibh am focal eisdeachd, ata ’ga choimhead ann an croidhe trei’-dhireach agus maith, agus a’ toirt toraidh uatha le foighidin. [TD 66] An Domhnach d’an goirrear Quinquagesima, no an Domhnach roimh a Charmhas. An Urnuigh. O Thighearna, a theagais dhuinn, nach ’eil feum air bith ’n ar n-uìle ghniomhara as eugmhais carthanachd; cuir do Spiorad Naomh, agus doirt ann ar croidheachan tiodhlacadh ro ’oir-dhearc sin na carthanachd, fior cheangal na sioth agus nan uile Shubhailceadh, nì co air bith ata beo as eugmhais ata se air a mheas marbh ann a d’ làthairse. Deonuich so dhuinn air son t-aon Mhic Josa Criosd. Amen. An Litir. 1 Cor. xiii. 1 GE do labhrainn le teangaibh dhaoine, agus aingeal, agus gun ghradh agam, ata mi a m’ phrais a ni fuaim, no a’m’ chiombal a ni gleangarsaich. Agus ge do raibh agam faidheadoireachd, agus ge do thuiginn gach uile rùna-diomhair, agus gach uile eòlas; agus ge do bhiodh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gu ’n atharraichinn sleibhte, agus mi gun ghràdh agam, ni bheil annam ach neo-ni. Agus ge do chaithinn mo mhaoin uile chum na bochdan a bheathachadh, agus ge do bheirinn mo chorp chum a losgaidh, agus gun gràdh agam, cha ’n ’eil tairbhe sam bith dhamh ann. ’Ta an gradh fad-fhulangach, agus caoimhneil; cha ghabh an gradh farmad; cha dean an gradh raiteachas, cha ’n ’eil è air a sheideadh suas, Cha ghiulain sè è fein gu mi chiatfach, cha ’n iarr è na nithe sin a bhuineas da fein, cha ’n ’eil è so bhrosnachaidh chum feirge, cha smuainich è olc sam bith. Cha dean è gàirdeachas san ea-coir, ach ni è gàirdeachas san fhìrinn: Fuil’gidh è na h uile nithe, creididh è na h uile nithe, bithidh dòchas aige ris na h uile nithibh, giùlainidh sè na h uile nithe. Cha d’ theid an gradh air cùl a choidhch’: ach ma’s faidheadoireachda ’ta ann, theid iad air cùl; ma’s teangaidh, sguiridh siad; ma’s eòlas, cuir’ear air cùl è. Oir ata eòlas againn an cuid, agus ata sinn re faidheadoireachd ann cuid. Ach ’n uair a thig an ni a ’ta iom-lan, cuir’ear air cul an ni sin nach ’eil ach ann cuid. ’N uair a bha mi a’m’ leanban, labhair mi mar leanban, thuig mi mar leanban, reusonaich mi mar leanban; ach air fàs damh a’m’ dhuine, chuir mi [TD 67] na nithe leanabaidh air cùl. Oir ata sinn a’ faicsin san àm so gu dorcha’ tre ghloin; ach ann sin chi sinn aghaidh re h aghaidh: san àm so is aithne dhamh ann cuid; ach ann sin aithnichidh mi mar ata aithneadh orm fòs. Agus a noise fanaidh creidimh, dòchas, gràdh, na tri nithe so; ach is è ’n gradh a’s mò dhiubh so. An Soisgeul. Luc. xviii. 31. AGus ghabh Iosa ’n dà-fhear dheug d’a ionnsuidh, agus a dubhairt se riu, Fèuch, ata sinn a’ dol suas gu Hierusalem, agus bithidh gach uile nithe ata sgriobhta leis na faidhibh mu Mhac an duine, air an coi’-lionadh. Oir bheir’ear thairis è do na cinneachaibh, agus theid fanoid a dheanamh air, agus masluichear è, agus gabhar do shilibh air; Agus sgiursaidh agus marbhaidh siad è: agus air an treas là eir’idh sè ’ris. Agus cha do thuig iadsan aon ni dhiubh so: agus bha na briathra so folaichte orra agus cha do thuig iad na nithe a dubhradh. Agus tharladh, ’n uair a dhruid è re Iericho, gu’n raibh dall àraidh’n a shuidhe re taoibh an ròid, ag iarraidh déirce. Agus air cluinntin an t sluaigh a’ dol seachad, dh’fheòraich è ciod bu chiall da so. Agus dh’ innis iad da, gur b’è Iosa ò Nasaret a bha gabhail seachad. Agus ghlaodh è, ag radh, Iosa. Mhic Dhaibhidh, dean tròcair orm. Agus chronnich iadsan a bha air thoiseach è, chum’s gu’m biodh è ’n a thosd: ach bu mhòid gu mòr a ghlaodh eisean, A Mhic Dhaibhidh, dean tròcair orm. Agus air seasamh do Iosa, dh’ àithn sè a thoirt d’a ionnsuidh: agus ’n uair a thainig è ’m fogus da, dh’ fheòraich sè dheth, Ag radh, Ciod is àill leat mise a dheanamh dhuit? agus a dubhairt eisean, A Thighearna, mi dh’ fhaghail mo radhairc. Agus a dubhairt Iosa ris, Biodh do radharc agad: shlànuich do chreidimh thu. Agus air ball fhuair sè a radharc, agus lean sè è, a toirt gloir’ do Dhia: agus thug an sluagh uile cliu do Dhia, ’n uair a chunnaic iad so. [TD 68] An ceud La do’n charmhas, d’ an goirrear gu coitcheann Diceudain-an-luaithreadh. An Urnuigh. A Dhe Uile chumhachdaich agus shiorruidh, leis nach fuathach nì air bith a rinn ù, agus ata toirt maitheanas pcacaidh do’n dream sin uile a ni aithreachas; dean agus cruthaich ionnain croidheachan nuadh agus brùithte, ionas air bhi dhuinn do rìreadh a’ caoidh air son ar peacanna, agus aig aidmheil ar truaigh, gu’m fuidh sinn uait-se, Dia nan uile thròcair, lan fhuasgladh agus maitheanas, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Is còir an Urnuigh so a lèughadh gach la do’n Charmhas, an deigh au Urnuigh orduichte air son an la fein. Air son an Litir. Joel ii. 12. PIllibhse do m’ ionnsuidh, a deir an Tighearna, le’r n’ uile chroìdhe, agus le trasg, agus le gul, agus le bròn. Agus reabuibh bhur croidhe, agus na b’ è bhur n’ èudach, agus pillibh a dh’ ionnsuìdh an Tighearna bhur Dia: oir ata se gràsail agus trocaireach, mall chum feirge, agus a làn do chao’neas, agus gabhaidh sè aithreachas o ’n olc. Co aig ata fios nach pill se agus an dean se aithreachas, agus nach fàg se beannachadh na dheigh, eadhon ofrail bhìdh, agus ofrail dhighe do’n Tighearna bhur Dia? Seidibh an trompaid ann Sion, naomhaichibh trasg, goiribh comhthional sòlaimte, cruinichibh am pobull, naomhuichìbh an co-thional, cruinichibh na seanairean, tionailibh a chlann, agus an dream a dheolas am brollach; rachadh am fear nuadh posda amach as a’ sheomar, agus a bhean nuadh phosda as a’ seomar uaìgneach; guilleadh na Sagairt, ministeirin an Tighearna, eidir am pòrsa agus an altair, agus abradh iad, Coigil do phobul, O Thighearna, agus na tabhair t-oighreachd fein gu maslaidh, chum nach riaghladh na geintilich os an cionn: c’ air son a deireadh s’ iad a’ measg a phobuil, C’ àit a bheil an Dia? [TD 69] An Soisgeul. Mhatth. vi. 16. AGus an uair do ni sibh trosgadh, na bitheadh gruaim air bhur gnùis, mar luchd an fhuar chràbhaidh: oir cuirfidh iadsan mi-dhreach air an aghaidh chum gu faicear le daoinibh iad a bhi trosgadh. Deirim ribh gu firinneach gu bheil an tuarasdal aca. Ach thus’, an uair a ni thu trosgadh, cuir ola air do cheann, agus ionnail t aghaidh: Chum nach faicear le daoinibh, gu bheil thusa a’ deanamh trosgaidh, ach le t Athair ata ann uaignidheas: agus bheir t Athair a chi ann uaignidheas, duais dhuit gu follaiseach. Na taisgibh dhuibh fein ionmhais air an talamh, far an truaill a’ mhiol chrion agus a’mheirg è, agus far an cladhaich na meirlich a stigh agus an goid iad. Ach taisgibh ionmhais dhuibh fein air neamh, far nach truaill a’ mhiol chrion no a’ mheirg, agus nach cladhaich, agus nach goid na meirlich. Oir ge b’e ball am bheil bhur n ionmhas, is ann an sin a bhitheas bhur croidhe mar an ceudna. An ceud Domhnach do’n Charmhas. An Urnuigh. O Thighearna, a thraisg da fhìchiod la agus da fhichiod oidhche air ar soin-ne; tabhair dhuinn gràs an trosgadh do dheanamh; chum air bith d’ ar feoil umhla do’n Spiorad, gu ’m bithmid do ghna umhladh do d’ bhrosnuchadh diaghaidh ann am fireantachd agus am fior naomhachd, chum t-onair agus do ghlòir, ata beo agus a’ riaghluchadh maille ris an Athair, agus ris an Spiord Naomh, aon Dia, saoghal gun chrìch. Amen. An Litir. 2 Cor. vi. 1. UIme sin ata sinn mar cho’-oibrichean risean, a’ guidheadh oirbh fòs, gun sibh a ghabhail gràs De ann diomhaoineas: (Oir a deir sè, Ann am taitneach dh’ eisd mi riut, agus ann la slainte rinn mi congnamh leat: feuch, ’noise an t am taitneach; feuch, ’noise là na slainte). Gun bhi tabhairt àdhbhar oilbheim [TD 70] air bith ann aon ni, chum nach fuigheadh a’ mhinistreileachd mi-chliu: Ach ann s gach uile ni ’g ar moladh fein mar mhinisteiribh Dhe, ann mòr fhoighidin, ann triobloidibh, ann uireasbhuidh, ann amhgharaibh, Ann am buillibh, ann am prìosunaibh, ann luasgadh, o àite gu h àite, ann saothair, am faire, ann trosgaibh; Ann am fior-ghloine, le eòlas, le fad-fhulangas, le caoimhneas, leis an Spiorad naomh’, le grádh gun cheilg, Le briathar na fìrinn, le cumhachd Dhe, le airm na fìreantachd air an làimh dheis agus chli; Tre onoir agus eas-onoir, tre mhi-chlìu agus deadh-chliu: mar mhealltoiribh, gidheadh fìrinneach; Mar dhroing nach aithnichear, gidheadh air am bheil deadh aithne; mar dhroing a ’ta faghail bhais, gidheadh fèuch, ata sin beo; mar dhroing a smachdaichear, agus gun am marbhadh; Mar dhroing a ’ta brònach, gidheadh do ghnâ’ a’ deanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a ’ta deanamh mòran saibhir; mar dhaoine aig nach ’eil ni sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithe. An Soisgeul. Matth. iv. 1. ANN fin do threòruicheadh Iosa leis an Spiorad do’n fhàsach, chum gu’m biodh è air a bhuaireadh leis an diabhol. Agus an uair do throisg sè da fhichid là agus da fhichid oidhche, bha sè ’n diaigh sin air ocras. Agus air teachd do’n bhuaireadoir d’a ionnsuidh, a dubhairt sè, Ma’s tusa Mac Dhe, toir àithne do na clochaìbh sin bhi ’n an aran. Ach do fhreagair eisean agus a dubhairt sè. Ata è scriobht’, ni le h aran amhàin a bheathuichear duine, ach leis gach uile fhocal a thig o bheul De. Ann sin thug an diabhol è do’n bhaile naomha, agus chuir sè air binnein an teampuill è. Agus a dubhairt sè ris, Ma ’s tu Mac Dhe, tilg thu fein sios: oir ata è scriobt, gu toir sè àithne d’a ainglibh a’d’ thimchioll, agus togbhaidh iadsan thu suas ’n an làmhaibh, chum as nach buaìl thu uair air bith do chos air cloich: A dubhairt Iosa ris, A ris ata è scriobht’, na buair an Tighearna do Dhia. Thug an diabhol è a rìs chum sleibh’ ro-aird, agus nochd sè dha uile rioghachda an domhain, agus an gloir: Agus a dubhairt sè ris, Do bhearams’ iad so uile dhuit, ma ’s è air tuiteam dhuit sios gu ’n dean thu adhradh dhamhsa. Ann sin a dubhairt Iosa ris, Im’ich uam, a Shatain: oir ata è scriobht’, Bheirt hu adhradh do’n Tighearna do’n Dhia, agus dhò san ’n a aonar do ni thu seirbhis. Dh’fhàg an diabhol è ann [TD 71] sin; agus fèuch, do thainig aingìl agus rinn siad frithealadh dha. An dara Domhnach d’on Charmhas. An Urnuigh. A Dhe Uile chumhachdaich, ata faicsin nach ’eil cumhachd againn uainn fein comhnadh a dheanamh dhuinn fein; Gleidh sinn ann ar cuirp ann leath a muigh. agus ann ar n’ anamaibh ann taobh a’ stigh, chum gu ’m bi sinn air ar dion ’o gach uile amhghar a dh’fheudas teachd air a chorp, agus o gach uìle dhroch smuaintibh a bheir ionnsuidh, no ni cron do’n anam, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 1. Tess. iv. 1. A Bhraithre, cuireamaid a dh’ impidh agus a dh’ athchuinge oirbh tre’n Tighearna Iosa, amhuil mar a fhuair sibh uainne cionnas is còir dhuibh im’eachd, agus Dia a thoileachadh, gu mèudaicheadh sibh mar sin ni ’s mò agus ni ’s mò. Oir ata fhios agaibh creud iad na h àitheanta thug sinne dhuibh tre ’n Tighearna Iosa. Oir is i so toil Dhe, eadhon bhur naomhachadh-sa, sibh a sheachnadh strìopachais: Gu’m b’ aithne do gach aon agaibh a shoitheach fein a shealbhachadh ann naomhachd, agus ann onoir; Ni h ann an am fonn ain-mhiannach, amhuil mar a ni na Cinnich aig nach ’eil eòlas air Dia: Gun neach air bith a dheanamh ain-neart no mealltoireachd ann an cuìs sam bith air a bhràthair: do bhri’ gur è ’n Tighearn’ a ni dioghaltas air an uile leithidibh sin, a reir mar a dh’innis sinne fòs duibh roimhe, agus a rinn sinn sia’nais. Oir cha do ghairm Dia sinne gu neo-ghloine, ach gu naomhachd. Uime sin an neach a ni tàir, ni h ann air duine ’ta è deanamh tàir’, ach air Dia, neach fòs a thug dhuinne a Spiorad naomha fein. [TD 72] An Soisgeul, Matth xv. 21. AGus air dol do Iosa as sin, chuaidh sè gu criochuibh Thiruis agus Shidoin. Agus fèuch, thainig bean do mhuintir Chanaan o na criochuibh sin, agus ghlaodh si ris, ag radh, Dean tròcalr orm, a Thighearna a Mhic Dhaibhi; ata m’ inghean air a buaireadh gu truagh le deamhan. Ach ni’n d’ thug eisean freagra’ dh’i ann aon fhocal. Agus thainig a dheisciobuil d’a ionnsuidh, agus dh’iar iad air, ag radh, Cuir air falbh i, oir ata si glaodhaich ’n ar diaigh-ne. Ach air freagairt dha-san a dubhairt sè, Nior chuireadh mise, ach gu caoraibh chaillte thighe Israeil. ’Nsin air teachd dh’ise do rinn si adhradh dhò, ag radh, A Thighearna, cuidich leam. Ach air freagairt dha-san a dubhairt sè, Ni ’n còir aran na cloinne a ghlacadh, agus a thilgeadh chum nan con. Agus a dubhairt ise, Is fior, a Thighearna: ach ithìdh na coin cuid do’n sbruileach, a thuiteas o bhòrd am maighisdiridh fein. Ann sin do fhreagair Iosa agus a dubhairt sè ria, O bhean, ’s mòr do chreidimh: biodh dhuit mar is toil leat. Agus rinneadh a h inghean slán o ’n uair sin amach. An treas Domhnach do’n Charmhas. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, tha sinn a’ guidheadh ort, amhairc air achanuichibh croidheil do sheirbheisich. agus sin a mach lamh dheas do Mhórachd ga ’r dion an aghaidh ar n-uile naimhdean, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Ephes. v. 1. UIme sin bithibhse ’n ar luchd leanmhuin air Dia, mar chloinn ghràdhaich; agus gluaisibh ann gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Criosd sinne, agus a thug sè è fein air ar son, ’n a ofrail agus ’n a ìobairt deadh-bholaidh do Dhia. Ach na biodh strìopachas, agus gach uile neo-ghloine, no sannt, uiread agus air an ainmeachadh ’n ar measg, mar is cubhaidh do naomhaibh: [TD 73] No draosdachd, no comhradh amaideach, no bao-shùgradh, nithe nach ’eil iomchu’idh: ach gu ma fearr libh breith-buidheachais. Oir ata fios agaibh air so, nach ’eil aig striopaiche air bith, no aig neach neo-ghlan, no aig duine sanntach, a ’ta ’n a fhear iodholàdhraidh, oighreachd ann rioghachd Chriosd, agus Dhe. Na meaIladh neach air bith sibh le briathraibh diomhaoineach: oir air son nan nithe sin ata fearg Dhe a’ teachd air cloinn na h eas-umhlachd. Na bithibhse uime sin ’n ar luchd co’-pairt riu. Oir bha sibh uair-eigin ’n ar dorchadas, ach a noise ’ta sibh ’n ar solus san Tighearna: gluaisibh mar chloinn na soillse. (Oir atn toradh an Spioraid ann san uile mhaitheas, agus ionracas, agus fhirinn) A’ dearbhadh ciod an ni a ’ta taitneach do’n Tighearna. Agus na biodh co’chomunn agaibh re oibribh neo-tharbhach an dorchadais, ach gu ma fearr libh an cronachadh. Oir is graineil eadhon r’an innseadh na nithe a ’ta air an deanamh leo os ìosal. Ach ata na h uile nithe a ’ta air an cronachadh, air an deanamh follasach leis an t solus: oir gach uile ni do ni soilleir, is solus è. Uime sin a deir sè, Mosgail, thusa a ’ta d’ chodal, agus eirich o na marbhaibh, agus bheir Criosd solus duit. An Soisgeul. Luc. xi. 14. BHA Josa tilgeadh amach deamhain, agus bha è balbh. Agus tharladh, air dol do’n deamhan amach, gu ’n do labhair am balbhan: agus ghabh an sluagh iongantas. Ach a dubhairt cuid aca, Is ann tre Bheelsebub prionnsa nan deamhan ata sè tilgeadh amach dheamhan. Agus dh’ iarr dream eile aca, ’g a bhuaireadh, comharth’ air o neamh. Ach air dha-san an smuaintidh a thuigsin, a dubhairt sè riu, Gach rioghachd a bhios roinnte ’n a h aghaidh fein, fàsaichear i: agus gach tigh ata roinnte ’n a aghaidh fein, tuitidh sè. Agus ma ’ta Satan fòs air a roinn ’n a aghaidh fein, cionnas a sheasas a rioghachd? chionn gu ’m bheil sibh ’g radh, gu bheil mise tre Bheelsebub a’ tilgeadh ’mach dheamhan. Agus ma ’s ann tre Bheelsebub ataimse tilgeadh ’mach dheamhan, co è tre ’m bhuil bhur clann-sa ’g an tilgeadh ’mach? uime sin bithidh siad ’n am breithibh oirbhse. Ach ma ’s ann le mèur Dhe ataims’ ag tilgeadh ’mach dheamhan, tha rioghachd Dhe, gun teagamh, air teachd oirbhse. ’Nuair a ghleidheas duine làidir fa armaibh a chùirt fein, ata na bhuineas da ann an sìth. Ach ’n uair a thig duin’ a ’s [TD 74] treise na è, agus a bheir è buaidh air, bheir sè uaithe armachd uile ann s an raibh a dhòigh, agus roinnidh sè a chreach-san. An neach nach ’eil leam, tha è m’ aghaidh: agus an neach nach ’eil a’ cruinneacha’ leamsa, ’ta sè a sgaoileadh. ’N uair a theid an spìorad neo-ghlan amach a duine, im’ichidh se tre ionadaibh tiorma, ’g iarraidh fois: agus ’n uair nach fuigh è sin, deir sè, Pillidh mi dh’ ionnsuidh mo thighe as an d’ thainig mi. Agus air dha teachd, gheibh sè e air a sguabadh agus air a dheanamh maiseach. Ann sin im’ichidh sè agus bheir è leis seachd spioraid eile a’s measa na è fein, agus air dhoibh dol a stigh, gabhaidh siad comhnuidh ann sin: agus bithidh deireadh an duine sin ni ’s measa na a thoiseach. Agus tharladh ’n uair a bha è labhairt nan nithe so, gu ’n do thog bean àraidh do’n t sluagh a guth, agus gu’n dubhairt si ris, Is beannnicht’ a’ bhrú a ghiulain thu’ agus na ciocha dheoghail thu. Ach a dubhairt eisean, Is mò gur beannuicht’ iadsan a dh’ eisdeas focal De, agus a choimheadas è. An ceathramh Domhnach sa’ Charmhas. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, tha sinn a’ guidhe ort, deonuich dhuinne, ata gu ceart a’ toiltin a bhi air ar peanasachadh air son ar droch ghniomhara, gu ’m bi sinn gu tròcaireach air ar fuasgladh tre chohurtachd do ghràis, trid air Tighearna agus ar Slanuifear Josa Criosd. Amen. An Litir. Gal. iv. 21. INnsibh dhamh, sibhse le ’m miann bhi fuidh ’n lagh, nach cluinn sibh an lagh? Oir ata è sgriobhta, gu raibh aig Abraham dias mhac; a h aon diubh re ban-traill, agus am mac eile re mnaoi shaoir. Agus eisean a bh’aige ris a’ bhan-traill, ghineadh reir na feòl’ è: ach eisean a bh’aige ris a’ mhnaoi shaoir, tre ghealladh. Na nithe so is cosamhlachd iad; oir is iad so an dà chùmhnant; aon diubh o shliabh Sinai, a ’ta a’ breith chum daorsa, noch is i Agar. Oir is i Agar sliabh Sinai ann Arabia, [TD 75] agus ata i ag coi’fhreagradh do Ierusalem a ’ta ’nois’ ann, agus ata si fuidh dhaorsa maille r’a cloinn. Ach ata an Ierusalem a ’ta shuas saor, agus is màthair dhuinn uil’ i. Oir ata è sgriobhta, Dean gairdeachas, a bhean sheasg nach ’eil a’ breith cloinne; bris amach agus glaodh, thusa nach ’eil re saothair-chloinne: oir is lionmhoire clann na mnà aonaraich na na mnà aig am bheil fear. ’Noise, a bhràithre, is sinne, mar bha Isaac, clann a’ gheallaidh. Ach amhuil mar a rinn eisean a rugadh reir na feòla, san àm sin geurleanmhuin air-sin a rugadh do reir an Spioraid, is amhuil sin ata ’noise mar an ceudna. Ach, creud a deir an sgriobtuir? Tilg amach a’ bhan-tràill agus a mac: oir cha bhi mac na ban-tràill’ ’n a oighre maille re mac na mnà-saoire. Uime sin, a bhraithre, cha sinne clann na ban-tráille, ach na mna-saoire. An Soisgeul. Eoin vi. 1. ’NA dhiaigh sin chuaidh Iosa thar fairge na Galilee, no Thiberias. Agus lean sluagh-mòr è, do bhri’ gu’m fac’ iad a mhiorbhuile a rinn è air an dream a bha easlan. Agus chuaidh Iosa suas air sliabh, agus shuidh sè ann sin maille r’a dheisciobluibh. Agus bha chàisg, féisd nan Iudhach, am fogus. Ann sin ’n uair a thog Iosa suas a shùile, agus a chunnaic sè gu ’n d’ thainig buidheann mhòr shluaigh d’a ionnsuidh, a deir se re Philip, Cia ’n t ait’ as an ceannaich sinn aran chum gu’n itheadh iadsan? (Agus a dubhairt è so ’g a dhearbhadh: oir bha fhios aige fein ciod a dheanadh è) Fhreagair Philip è, Cha leòr dhoibh luach dhà cheud peghinn a dh’ aran, chum ’s gu’n gabhadh gach aon aca beagan. A dubhairt a h aon d’a dheisciobluibh, Aindreas, bràthaìr Shimoin Pheadair, ris, ’ta òganach ann so, aig am bheil cuig arain eòrna, agus dà iasg bheaga: ach ciod iad so a’ measg na h uiread? Agus a dubhairt Iosa, Thugaibh air na daoinibh suidhe sios. ’Noise bha mòran feoir ann san àite. Air an àdhbhar sin shuidh na daoine sios, ann àireamh timchioll chuig mìle. Agus ghlac Iosa na h arain, agus air breith buidheachais da, roinn sè air na deisciobluibh iad, agus na deisciobuil orra-san a shuidh: agus mar an ceudna do na h iasgaibh beaga, mhèud ’s a b’àill leo. ’Nuair a shàsuicheadh iad, a dubhairt sè r’a dheisciobluibh, Cruinnichibh am biadh briste ’ta thuilleadh ann, chum’s nach caillthear a bheag. Air an àdhbhar sin chruinnich siad è r’a chèile, agus lion iad dà chliabh-dheug do sbruileach nan cuig aran eòrna, a bha dh’ fhuigheall aig a’ [TD 76] mhuintir a dh’ ith. Ann sin ’n uair a chunnaic na daoinne ud am miorbhuil a rinn Iosa, a dubhairt siad, Gu fìrinneach is è so am fàidh ud a bha gu teachd chum an t saoghail. An cuigeamh Domhnach do’n Charmhas. An Ur nigh. A Dhe uile chumhachdaich, guidheamaid ort, gu’n amhairceadh tu gu tròcaireach air do phobull; chum gu’m bi iad gu brath air an gleidheadh, araon ’n an corp agus ’n an anam le d’ mhòr mhaitheas, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Eabh. ix. 11. AIR teachd do Chriosd ’n a àrd-shagart nan nithe maithe a bha re teachd, tre thabernacal bu mhò agus bu diongmhalta, nach d’rinneadh le làmhaibh, sin r’a radh, nach raibh do’n tog’ail so; agus fòs ni tre fhuil ghabhar agus laogh, ach tre fhuil fein chuaidh è steach aon uair do’n ionad naomha, air dha saorsa shiorruidh fhaghail duinne. Oir ma ni fuil tharbh, agus ghabhar, agus luaithre aighe air a crathadh air an droing a bha neoghlan, an naomhachadh chum glanadh na feòla; cia mòr is mò ni fuil Chriosd, a dh’ ofrail è fein tre ’n Spiorad shiorruidh, gun lochd, do Dhia, bhur coguis-se ghlanadh o oibribh marbha chum seirbhis a dheanamh do ’n Dia bheo? Agus air a shon so is eisean eidirmheadhonair an tiomna’-nuaidh, ionnas tre fhulangas a bhàis, chum saorsa nan ea ceirtidh a bha fuidh ’n cheud tiomnadh a chosnadh, gu ’m fuigheadh iadsan a ’ta air an gairm gealladh na h oighreachd shiorruidh. An Soisgeul. Eoin viii. 46. DUbhairt Josa co agaibhse chuireas peacadh a m’leithse? agus ma ’ta mi ’g innseadh na fìrinn, c’ar son nach ’eil sibh ga m’ chreidsin? An ti a’ ta o Dhia, eistidh sè re briathraibh Dhe: is uime sin cha ’n ’eil sibhse ’g eisteachd, air son nach ann o Dhia ata sibh. Ann sin fhreagair na h Iudhaich, agus a dubhairt siad ris, [TD 77] Nach maith a deir sinn gur Samaritanach thu, agus gu bheil deamhan agad? Fhreagair Iosa, Cha ’n ’eil deamhan agam: ach ata mi toirt onoir do m’ Athair, agus ata sibhse toirt eas-onoir dhamh-sa. Agus cha ’n ’eil mi ’g iarraidh mo ghlòire fein: ’ta neach ata ’giarraidh agus a’ toirt breith. Gu deimhin deimhim a deirim ribh, Ma choimheadas neach m’ fhocal-sa, cha’n fhaic sè bas a choidh’. Ann sin a dubhairt na h Iudhaich ris, ’Nois’ ata fhios againn gu bheil deamhan agad. Fhuair Abraham bàs, agus na fàidhean; agus a deir thusa, Ma choimheadas duine m’ fhocal-sa, cha bhlais è bàs a choidhch’. Am mò thusa na ar n athair Abraham, a fhuair bàs? agus fhuair na faidhean bàs: co ata thu deanamh dhiot fein? Fhreagair Iosa, Ma ’ta mi toirt gloir’ dhamh fein, cha ’n ’eil ach neimh-ni a’m’ ghlòir: ’s è m’ Athair a ’ta toirt glòire dhamh, neach a deir sibhse gur è bhur Dia è: Gidheadh cha do ghabh sibh eòlas air; ach ata eòlas agams’ air; agus nan abrainn, Nach aithne dhamh è, bhithinn cosmhuil ribhse a m’ bhreugoire: ach is aithne dhamh è, agus ata mi coimhead fhocail. Bha subhachas mòr air Abraham bhur n athair re m’ la-sa fhaicsin; agus chunnairc sè è, agus rinn è gàirdeachas. Ann sin a dubhairt na h Iudhaich ris, Cha ’n ’eil thu fòs leth cheud bliadhna dh’ aois, agus am faca tu Abraham? Dubhairt Iosa riu, Gu deimhin deimhin a deirim ribh, Man raibh Abraham ann, ATAIMSE. Ann sin thog iadsan clocha chum an tilgeadh air: ach dh’ fholaich Iosa è fein, agus chuaidh è ’mach as an teampull, a’ dol tre a’ meadhon, agus mar sin dh’ fhalbh è seachad. An Domhnach a’s faisge roimh a Chaìsg. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich agus Shiorruidh, a chuir do d’ chaomh ghradh do’n chinneadh daona, do Mhac ar Slanuifhear Josa Criosd, chum ar feoil do ghabhail air fein, agus a dh’ fhullang bais air a’ chrois, a chum gu’n leanadh an cinneadh doaine uile eisimpleir a mhòr irisieachd; deonuich gu tròcaireach gu’n lean sinn eisimpleir fhoighdin, agus gu’n deanthar sinn ’n ar luchd co-pairt d’ a eis-eirigh, trid an Josa Criosd cheudna sin ar Tighearna, Amen. [TD 78] An Litir. Philip. ii. 5. UIme sin biodh an inntin cheudna annaibhse, a bha fòs an Iosa Criosd: Neach air bhi dha ann an cruth Dhe, cha do mheas è ’n a reubuinn è fein bhi coi’-ionunn re Dia: ach chuir sè e fein ann neomheas, agus ghabh sè air fein dreach seirbhisich, agus rinneadh è ann cos’las dhaoine: agus air dha bhi air fhaghail ann cruth mar dhuine, dh’ irioslaich sè è fein, agus bha è umhal gu bàs, eadhon bàs na croiche. Air an âdhbhar sin dh’ ardaich Dia è gu ro àrd mar an ceudna, agus thug sè dha ainm os ceann gach uil’ ainm: Chum do ainm Iosa gu ’n lùbadh gach uile ghlùn, do nithibh a ta air neamh, agus do nithibh a ’ta air talamh, agus do nithidh a ’ta fa ’n talamh; agus gu’ n aidmhicheadh gach teanga gur è Iosa Criosd an Tighearna, chum glòir’ Dhe an Athar. An Soisgeul. Mhatth. xxvii. 1. AIR teachd do’n mhaidin, ghabh uachdarain nan sagart uile, agus seanoiridh a’ phobuill, comhairle le chéile ann aghaidh Iosa, chum a chur gu bàs. Agus air dhoibh eisean a cheangal, thug iad leo è, agus thug siad thairis è do Phontius Pilat an t uachdaran. Ann sin air faicsin do Iudas a bhraith eisean, gu ’n do dhiteadh è, ghabh sè aithreachas, agus thug è air an ais na deich piosa fichead airgid do na h àrdshagartaibh, agus do na seanoiribh. Ag radh, Do pheacuich mi, ann am brath’ na fola neo-chiontaich. Ach a dubhairt iadsan, Ciod è sin duinne? amhairc thusa air sin. Agus air tilgeadh uaithe nam pìosa airgid ann san teampull, dh’fhalbh sè, agus air im’eachd dha chroch sè è fein. Agus air glacadh nam pìosa airgid do na h àrd-shagartaibh, a dubhairt siad, Cha chòir an cur san ionmhas, oir is luach fola iad. Agus air gabhail comhairle dhoibh, cheannuich iad leo fearann a’ Chriadh fhir, chum a bhi ’n a àit’ adhlaic’ do choigreachaibh. Air an àdhbhar sin goirthear do’n fhearann ud, Fearann na fola, gus an diu. (Ann sin choi’-lionadh a’ ni a dubhradh le Ieremias am faidh, ag radh, Agus ghabh iad na deich pìosa fichead airgid, luach an ti a mheasadh, neach a mheas iadsan a bha do chloinn Israeil: agus thug siad iad air son fearainn a’ Chriadh-fhir, mar a dh’òrduich a Tighearna dhamhsa.) Agus sheas Iosa ann làthair an uachdarain; agus dh’fhiosruich an t uachdaran deth, ag radh, An [TD 79] tusa Righ nan Iudhach? Agus a dubhairt Iosa ris, A deir tu è. Agus air do na h aird-shagartaibh agus do na seanoiribh cuìsean a chur as a leth, nior fhreagair sè ni sam bith. Ann sin a deir Pilat ris, Nach cluinn thu cia lion nithe ’ta iad a’ fianaiseachadh a’ d’ aghaidh? Agus cha d’thug sè freagradh air aon fhocal da, ionnas gur ghabh an t uachdaran iongantas ro-mhòr. ’Nois’ re àm na féiste chleachd an t uachdaran a chur fa sgaol do’n phobull aon phrìosanach a b’aill leo. Agus bha aca san àm sin prìosanach ro-chomhar’uichte, d’ am b’ ainm Barabbas. Air an à’bhar sin air dhoibhse bhi cruinn ann ceann a chéile, a dubhairt Pilat riu, Co a’s àill libh mise a chur fa sgaoil duibh? Barabbas, no Iosa, da’n goirthear Criosd? Oir bha fios aige gur b’ ann o fharmad a thug iad thairis è. Agus air suidhe dha-san ann caithir a’ bhreitheamhnais, choir a bhean teachdaireachd d’a ionnsuidh, ag radh, Na biodh agad-sa buintin sam bith ris an fhirean sin: oir is mòr a dh’fhulaing mise an diu ann am bruadar, air a shon-sa. Ach chuir na h àrd-shagairt agus na sinnsir impidh air a’ phobull gu’n iarradh iad Barabbas, agus gu milleadh iad Iosa. Agus air freagairt do’n uachdaran a dubhairt sè riu, Co do’n dias a’s àill libh mise a chur fa sgaoil duibh? A dubhairt iadsan, Barabbas. A dubhairt Pilat riu, Ciod ma seadh a ni mi re h Iosa, d’ an goirthear Criosd? A dubhairt siad ris uile, Ceusthar è. Agus a dubhairt an t uachdaran, C’ar son, ciod an tolc a rinn è? Ach is mò gu mòr a ghlaodh iadsan, ag radh, Ceusthar è. Agus air faicsin do Philat nach do bhuadhuich sè bheag sam bith, ach gu ’n d’eirich an tuilleadh buaireis, air dha uisg’ a ghabhail, dh’ionnlaid sè a làmhan am fia’nais an t sluaigh, ag radh, Ata mise neo-chiontach a dh’fhuil an fhìrein sin: faicibhse sin. Agus air freagairt do’n phobull uile, a dubhairt siad, Biodh fhuil oirnne, agus air ar cloinn. Ann sin leig è fa sgaoil Barabbas dhoibh: ach air dha Iosa a sgiursadh, thug sè thairis è chum a cheusaidh. Ann sin thug saigh’d-fheara an uachdarain leo Iosa do ’n talla chumannta, agus chruinnich siad m’a thimchioll a’ chuideachd shaighdfheara uile. Agus air dhoibh a rùsga., chuir siad uime falluing scarloid. Agus air dhoibh coroin droighinn fhigheadh, chuir siad m’a cheann è, agus slat chuilce ’n a làimh dheis: agus ag lùbadh an glùin ’n a làthair, rinn iad fanoid air, ag radh, Gu ’m beannuichear thu, a Righ nan Iudhach. Agus air dhoibh gabhail do shilibh air, ghlac iad an t slat chuilc’, agus bhuail iad sa chean è. Agus taireis dhoibh fanoid a dheanamh air, thug iad an fhalluing deth, agus chuir iad eadach fein uime, agus thug siad leo è chum a cheusaidh. Agus air dol amach dhoibh, fhuair iad duine o Chirene, d’am [TD 80] b’ainm Simon: eisean dh’eignich iad chum a chrann-ceusaidh-sin a ghiulan. Agus ’n uair a thainig iad gu ionad d’an ainm Golgotha, sin r’a radh, àite cloiginn, thug siad dha r’a òl fion-geur coi’-measgta le domblas: agus air dha a bhlasadh, cha’n òladh sè è. Agus ’n uair a cheus siad è, roinn iad a thruscan eatorra, a’ tilgeadh croinn orra: chum gu .n coi’-lionfadh a’ ni a dubhradh leis an fhàidh, Roinn siad m’ eadach eatorra, agus chuir siad croinn air mo bhrat. Agus air suidhe dhoibh, rinn iad faire air ann sin: Agus chuir iad a chuis-dhite’ sgriobht’ os a chionn, IS E SO IOSA RIGH NAN IUDHACH. Ann sin cheusadh maille ris dâ ghaduich’: fear air a dheis, agus fear eile air a làimh chli. Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a’ crathadh an cinn. Agus ag radh, Thusa a leágas an teampull, agus a chuireas suas ann tri laithibh è, fòir ort fein: ma ’s tu Mac Dhe, thig a nuas o ’n chrann-cheusaidh. Mar an ceudna a dubhairt na h àrd-shagairt, maille ris na Sgriobhuichibh, agus na seanoiribh, a’ fanoid air. Shaor è daoin’ eile, è fein a shaoradh ni ’n comasach è: ma’s è Righ Israeil, thigeadh è ’nois’ a nuas o’n chrann-cheusaidh, agus creididh sinn è. Chuir sè dhòigh ann Dia; saoradh è anois’ è, ma ’ta toil aige dha: oir a dubhairt sè, Is mise Mac Dhe. Agus thug na gaduichean, a cheusadh maille ris, am beum ceudna dha. ’Nois’ o ’n t seathadh uair bha dorchadas air an talamh uile gus a’ naothadh uair. Agus mu thimchioll na naothadh uair’ dh’eigh Iosa le guth àrd’, ag radh, Eli, eli, lama sabacthani? ’s è sin r’a radh, Mo Dhia, mo Dhia, creud far thréig thu mi? Agus air cluinntin sin do chuid diubhs’ a bha ’n an seasamh ann sin, a dubhairt siad, Ata ’m fear so glaodhuich air Elias. Agus air ball ruidh a h aon diubh, agus ghabh è spuing, agus lion è do n fhion-gheur i, agus air dha a cur air slait chuilce, thug sè dha san-r’a òl. Ach a dubhairt cách, Leig dha, faiceamaid an d’thig Elias d’a thearnadh. Agus air éigheach a-rìs do Iosa le glaodh mòr, thug è suas a spiorad. Agus fèuch, reubadh brat-roinn an teampuill ’n a dha chuid, o bhraighe gu iochdar; agus chriothnuich an talamh, agus sgoilteadh na creagan. Agus dh’fhosgladh na h uaighean, agus dh’eirich mòran do chorpaibh nan naomh, a bha ’n an codal. Agus chuaidh iad amach as na h uaighibh taireis eiseirigh-sin, agus chuaidh iad a steach do’n bhaile naomha, agus nochdadh iad do mhòran. ’Nois’ an uair a chunnairc an Caiptin, agus iadsan a bha maille ris a coimhead Iosa, a’ chrith thalmhain, agus na nithe eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag radh, Gu fìrinneach b’è so Mac Dhe [TD 81] Dialuain Roimh’ n Chàisg. Air son na Litir. Isa. lxiii. 1. CO è so tha teachd o Edom, le eudach daite o Bhosra? an ti so ’ta glormhor ’n a sgeudacha, aig a’ mead a neart? Mise a labhras am fìreantachd, cumhachdach gu sàbhaladh. C’ air son tha thu dearg ann a d’ sgeudacha, agus t-eudach cosmhuil ris an ti do shaltras an t-amar-fiona? Shaltair mi an t-amar fiona a’ m’ aonar, agus cha raibh neach do’n phobul maille rium: Oir saltruidh mi orra ann am fheirg, agus cuiridh mi fo m’ chosaibh iad ann mo bhoilleadh, agus bithidh am fuil air a crathadh air m’ eudach, agus dathaidh mi m’ eudach, uile. Oir ata la ’n dioghaltais ann mo chroidhe, agus thainig bliadhna m’ fhuasglaidh. Agus dh’ amhairc mi, agus cha raibh aon gu comhnadh; agus b’ iongantach leam nach rabh neach ann gu cumail suas: uime sin thug mo ghairdean fein slainte thugam, agus chum mo dhibhfheirg suas mi. Agus saltraidh mi sios am pobul ann a m’ fheirg, agus cuiridh mi air mhisg iad ann an cuthach m’ fheirge, agus bheir mi sios an neart chum an talmhain. Ni mi iomradh air caoimhneas gradhach an Tighearna, agus air cliu an Tighearna, a reir na h-uile ni do bhuilich an Tighearn oir ne, agus a reir a mhaitheas mòr do thigh Israel, do dheonuich sè dhoibh, a reir a thròcaire, agus lionmhoireachd a chaoimhneas gràidh. Oir a dubhairt sè, Gu deimhin is iad mo phobulsa iad, clann nach dean brèug: mar sin b’ eisin an Slanui’fhear. Ann na ’n uile thrioblaidibh bha sè air a thrioblaideachadh, agus shàbhail aingeal a làthaireachd iad: Ann na ghràdh agus ’na iochd shaor se iad, ghiulain se iad, agus thug sè leis iad feadh uile laethibh an saoghail. Ach rinn iad ceannairc, agus chuir iad campar air a Spiorad Naomh, air an adhbhar sin bha è na namhad dhoibh, agus rinn è cogadh ’n an aghaidh. An sin chuimhnich se na laeth o shean, Maois agus a phobul, a gra’, C’ait am bheil an ti thug suas as an fhairge iad, maille re buachaille a thrèud? C’ ait’ a’ bheil an ti a chuir a Spiorad naomh ann taobh a’ stigh dha? A threoruich iad le deas lamh Mhaois, le ghairdean glormhor, a roinn an uisge rompa, a dheanamh ainm siorruidh dha fein? A threoruich iad trid an doimhneachd mar an t-each san fhàsach, a chum [TD 82] nach tuisleadh iad? Mar a theid beitheach sios do’n ghleann, thug Spiorad an Tighearn air fois do ghabhail: mar sin threoruich thu do phobul, a dheanamh ainm glòrmhor dhuit fein. Seall sios o neamh, agus faic o ionad comhnuidh do naomhachd, agus do glòir: C’ ait’ a bheil do theas-gràdh, agus do neart, fuaim t-innich, agus do thròcair m’ thaobh-sa? am bheil iad air an cumail air an ais? Gun amharus is tu-sa ar n-Athair-ne, ge do tha Abraham ain eolach oir-ne, agus ge d’ nach aithne do dh’ Israel sinn: O Thighearna, is tu-sa ar n-Athair, ar Fear-Saoruidh, tha t-ainm o bhithbhuantachd. O Thighearna, c’ar son a thug thu oirn dol air seachran o’ d’ shlighibh? agus a chruadhaich thu ar croidhe o d’ eagal? Pill air sga do sheirbheisich, trèabhan t-oighreachd. Cha do shealbhuich pobul do naomhadh ì ach tamul beag: Shaltair air n-eascairdean sios do naomh-ionad. Is leatsa sinn-ne, cha rabh uachdaranachd agad riamh os an cionnsan; cha do ghairmeadh iad le t-ainm-se. An Soisgeul. Marc. xiv. 1. AGus bha a’ chaisg, agus fèisd an arain gun làbhuin ann diaigh dà làeth’: agus dh’iarr na h àrd-shagairt agus na sgriobhuichean, cionnas a ghlacadh iad eisean le feill, agus a chuireadh iad gu bàs e. Ach a dubhairt iad, Ni h ann air an fhèisd, ’n t eagal gu’n eirich buaireas a’ measg a’ phobuill. Agus air bhi dha ann am Betani, ann an tigh Shimoin an lobhair, ’n uair a bha è ’n a shuidhe air bòrd, thainig bean, aig an raibh bocsa alabastair do ola spicnaird, ro-phrìseil; agus bhris i ’m bocsa, agus dhòirt i air a cheann è. Agus bha cuid aca diom’ach ’n am measg fein, agus ag radh, C’ar son a rinneadh an t ana caithe-se air an ola? Oir dh’ fheudadh è bhi air a reic’ air son tuille’ ’s tri cheud peghinn, agus air a thoirt do na boch daibh. Agus rinn iad monmhor ’n a h aghaidh. Ach a dubhairt Josa, Leigibh lè; c’ar son ata sibh cur dragh uirre? rinn si obair mhaith ormsa. Oir ata na bochdan a ghnàth ’n ar fochair, agus ge b’è uair is àill libh, feudaidh sibh maith a dheanamh dhoibh: ach ni bheil mise a ghnàth agaibh. Rinn si na dh’fheudadh i: thainig i ro’-làimh a dh’ungadh mo chuirp chum adhlaic.’ Gu deimhin a deirim ribh, Ge b’è ball air bith air feadh an domhain uile am bi an soisgeul so air a shearmonachadh, bithidh mar an ceudna an ni so a rinn si air innseadh, [TD 83] mar chuimhne uirre. Agus dh’imich Judas Iscariot, aon do ’n dà-fhear-dheug, chum na’ nàrd-shagart, gu eisean a bhrath dhoibh. Agus air dhoibhsin so a chluinntin, bha iad aoibhneach, agus gheall iad airgiod a thoirt da. Agus dh’iarr è cionnas a dh’ fheudadh è gu h iomchu’idh eisean a bhrath’. Agus air a’ cheud là do fhèisd an arain gun làbhuin, ’n uair bu ghnàth leo an t uan càisg’ a mharbhadh, a deir a dheisciobuil ris, C ait’ an toil leat sinne dhol a dh’ ull’uchadh, chum’s gu’n itheadh tu chaisg? Agus chuir sè dias d’a dheisciobluibh, agus a deir sè riu, Rachaibh a steach do’n bhaile, agus coinnichidh duine sibh a’ giulan soithich uisge: leanaibh è. Agus ge b’é àit’ an d’ theid è stigh, abraibhse re fear-an-tighe, A deir am maighisdir, C’àit’ am bheil an seomar aoidheachd, ann s an ith mi a’ chàisg maille re m’ dheisciobluibh? Agus nochdaidh sè dhuibh seomar àrda, fairsing, ’n a làn uidheam agus deasuichte: ann sin ull’uichibh dhuinn. Agus chuaidh a dheisciobuil amach, agus thainig iad do’n bhaile, agus fhuair iad mar a dubhairt sè riu: agus dh’ulluich iad a’ chaisg. Agus air teachd do’n fheascar, thainig è maille ris an dà-fhear dheug. Agus an uair a bha iad ’n an suidhe, agus ag itheadh, a dubhairt Josa, Gu deimhin a deirim ribh, gu ’m brath a h aon agaibhse, ’ta ’g itheadh maille rium, mise. Agus thòsaich iad air bhi dubhach, agus a radh ris ’n diaigh a chèile, Am mise e? Agus a dubhairt fear eile, Am mis’ è. Agus air freagairt dha-san a dubhairt sè riu, Is fear do’ n dà-fhearg-dheug è, ata tumadh maraon riumsa sa mhèis. Ata Mac an duine gu deimhin ag im’eachd, mar ata è sgriobht’ uime, ach is an-aoibhinn do’n fhear ud le ’m brathar Mac an duine; bu mhaith do’ n duinne sin mar beirte riamh è. Agus ag itheadh dhoibh, ghlac Josa aran agus taireis a bheannachadh, bhris sè, agus thug è dhoibhsin è, agus a dubhairt sè, Glacaibh, ithibh: ’s è so mo chorpsa. Agus air glacadh a’ chupain, agus air breith buidheachais, thug é dhoibhs’ è: agus dh’òl iad uile as. Agus a dubhairt sè rìu, ’S i so m’ fhuil-se na Tiomna’-nuaidh, a dhòirtear air son mhòrain. Gu deimhin a deirim ribh, Nach òl mise as sò suas do thoradh na fineamhuin, gus an lâ sin an òl mi nuadh è ann an rioghachd Dhe. Agus air cantuin laoidh’ dhoibh, chuaidh iad amach gu sliabh nan Oluidh’. Agus a deir Jofa riu, Gheibh sibhs’ uile oilbheum ionnamsa nochd: oir ata è sgriobhta, Buailidh mi am buachaill’, agus scapfar na caoraich. Ach taireis dhamh eirigh, theid mi romhaibh do’n Ghalilee. Ach a dubhairt Peadar ris, Ge do gheibh gach neach oilbheum annad, gidheadh ni ’m faigheams’ è. Agus a deir Josa ris, Gu deimhin a deirim [TD 84] riut, an diu, ann san oidhche nochd fein, mu’n goir an coileach dà uair, áichsheunaidh tu mise tri uaire. Ach is ro-mhòid a dubhairt eisean, Ge do ’s eigin damh am bàs fhulang maille riut, cha’n àichsheun mi choidhch’ thu. Agus mar sin a dubhairt càch uile mar an ceudna. Agus thainig iad gu ionad d’ am b’ ainm Getsemane; agus a dubhairt sè r’a dheisciobluibh, Suidhibhs’ ’n so, gus an dean mise ùrnuigh. Agus thug sè leis Peadar, agus Seumas, agus Eoin, agus thòsaich è air a bhi crith-eaglach, agus fuidh anabarra bròin, agus a deir sè riu, ’Ta m’ anam ro-bhrònach eadhon gu bás: fanaibhs’ ann so, agus deanaibh faire. Agus air dol beagan air aghaidh dha, thuit sè air an talamh, agus rinn sè urnuigh, nam bu chomasach è, gu’n rachadh an uair thairis air. Agus a dubhairt sè, Abba, Athair, ata gach ni soi-dheanta dhuitse, cuir an cupan so seachadh orm: gidheadh, nior b’è an ni a’s toil leamsa, ach an ni is toil leatsa. Agus thainig sè, agus fhuair sè iadsa’ ’n an codal, agus a deir sè re Peadar, A Shimoin, am bheil thu a’ d’ chodal? nach b’ urradh thu faire a dheanamh aon uair? Deanaibh faire agus ùrnuigh, chum nach tuit sibh am buaireadh: ata ’n spiorad gu deimhin togarrach, ach ata ’n fheoil anmhunn. Agus air dha im’eachd a-rìs, rinn sè ùrnuigh, ag radh nam briathra ceudna. Agus air pilltin dha, fhuair sè iad a rìs ’n an codal, (oir bha ’n sùilean trom) agus ni ’n raibh fhios aca cionnas a bheireadh iad freagradh air. Agus thainig sè ’n treas uair, agus a deir sè riu, Coidlidh romhaibh a nois’, agus gabhaibh fois: Is leor è, thainig an uair; fèuch, ata Mac an duin’ air a bhrath’ thairis do làmhaibh nam peacach. Eir’ibh, im’icheamaid; fèuch, ata ’n ti a bhraitheas mise am fogus. Agus air ball, air dha-sa bhi fòs a’ labhairt, thainig Judas, aon do’n dà-fhear-dheug, agus sluagh mòr maille ris le cloidhibh agus bataibh, o na h àrd-shagartaibh, agus na sgriobhuichibh, agus na seanoiribh. Agus bha ’n ti a braith eisean air toirt comharthaidh dhoibh, ag radh, Ge b’è neach d’ an toir mise pòg, ’s è sin è; glacaibh è; agus thugaibh libh è gu tearuinte. Agus air teachd dha, chuaidh sè air ball d’a ionnsuidhs’ agus a deir sè, A mhaighisdir; agus phòg sè è. Agus chuir iadsa’ làmh ann, agus ghlac iad è. Agus air tarruing cloidheamh a dh’fhear do na bha làthair, bhuail è òglaoch an árd-shagairt, agus ghearr è chluas deth. Agus fhreagair Josa agus a dubhairt sè riu, An d’thainig sibh amach gu m’ ghlacadh-sa, mar gu b’ ann an aghaidh gaduiche, le cloidhibh agus le bataibh? Bha mi gach lâ maille ribh san teampull, a’ teagasg, agus cha do ghlac sibh mi: ach ata so chum gu ’m biodh na sgriobtuire [TD 85] air an coi’lionadh. Agus air do gach uile a thrèigsin, theich iad. Agus lean òganach àraidh è, aig an raibh lion-eadach air a chur m’a chorp lomnochd; agus rug na h òganaich air. Ach air dha-san an lion-eadach fhágail, theich è lomnochd uatha. Agus thug iad leo Josa chum an ard-shagairt; agus chruinnicheadh maraon ris na h àrd-shagairt uile, agus na seanoiridh, agus na sgriobhuichean. Agus lean Peadar è fada uatha, no gu’n deach’ è steach do thalla an àrd-shagairt: agus bha è ’n a shuidhe maille ris na seirbhiseachachaibh, agus ’g a gharadh ris an teine. Agus dh’iarr na h àrd-shagairt, agus a’ chomhairle uile fia’nais ann aghaidh Josa, chum a chur gu bàs; agus cha d’fhuair iad. Oir rinn mòran dhaoine fia’nais bhrèige ’n a aghaidh, ach cha do chòird am fia’nais r’a chèile. Agus air do dhream àraidh eirigh, thug iad fia’nais bhrèige ’n a aghaidh, ag radh, Chuala sinne è ’g radh, Leagaidh mi sios an teampull so, a rinneadh le làmhaibh, agus ann tri laithibh togaidh mi teampull eile, gun bhi deanta le lamhaibh. Agus mar sin fein cha raibh am fia’nais a’ teachd r’a chéile. Agus air eirigh suas do’n àrd-shagart sa mheadhon, chuir sè ceisd air Josa, ag radh, Nach toir thu freagradh air bith uait? Ciod sin mu bheil iad so a’ toirt fia’nais a’ d’ aghaidh? Ach dh’fhan eisean ’n a thosd, agus cha do fhreagair è ni sam bith. A-rìs dh’fheòrach an t àrd-shagart deth, agus a dubhairt sè ris, An tu Criosd, Mac an De bheannuichte? Agus a dubhairt Josa, Is mi: agus chi sibh Mac an duine ’n a shuidhe air deas làmh cumhachd Dhe, agus a’ teachd le nèulaibh néimhe. Ann sin reub an t àrd-shagart eadach, agus a deir sè, Ciod am feum ata againn tuilleadh air fia’naisibh? Chuala sibh a’ bhlaisphem’: ciod i bhur bar’ails’? Agus thug iad uile breith ’n a aghaidh gu’n do thoill è ’m bas. Agus thòsaich cuid aca air gabhail do shilibh air, agus aghaidh fholach agus a bhualadh le ’n dòrnaidh, agus a radh ris, Dean fáidheadoireachd: agus ghabh na seirbhisich le ’m basaibh air. Agus air do Pheadar a bhi shios ann san talla, thainig a h aon do bhan-oglachaibh an árd-shagairt: Agus air faicsin Pheadair ’g a gharadh, agus air dh’i beachdachadh air, a deir si ris, Bha thusa cuideachd maille re h Iosa o Nasaret. Ach dh’àichsheun eisean, ag radh, Ni h aithne dhamh, agus ni ’n tuigeam creud a deir tu. Agus chuaidh eisean amach do’n phòrsa; agus ghoir an coileach. Agus air do bhan-oglaich fhaicsin a-rìs, thòsaich i air a radh riu-san a bha ’n an seasamh a làthair, ’S ann diubh ata ’m fear so. Agus dh’àichsheun è ’r s. Agus ann ceann beagain ’n dhiaigh sin, a dubhairt iads’ a bha ’n an seasamh a [TD 86] lathair a-rìs re Peadar, Gu fìrinneach ’s ann diubh sùd thu: oir is Galileanach thu, agus is cosmhuil do chainnt riu. Ach thòsaich eisean air mallachadh agus mionnachadh, ag radh, Cha’n aithne dhamh an duine so mu ’m bheil sibh a’ labhairt. Agus ghoir an coileach an dara h uair. Agus chuimhnich Peadar am focal a dubhairt Josa ris, Mu ’n goir an coileach da uair, àichsheunaidh tu mi tri uaire. Agus ’n uair a smuaintich è air, ghuil sè gu goirt. Diamairt Roimh ’n Chaisg. Air son na Litir. Isa. l. 5. DH’ fhosgail an Tighearna Dia mo chluas, agus cha rabh mi ceannaircèach, ni mo thiontadh mi mo chùl-thaobh air falbh. Thug mi mo chul-thaobh do ’n dream a bhuailleas, agus mo leathcheann dhoibhsin a spionas air falbh an fhèusag: cha d’ fholaich mi m’ aghaidh o nàire agus o smugadain. Oir ni an Tighearna Dia comhnadh rium, air an adhbhar sin cha chuirear gu masladh mi: ume sin shuidhich mi mo ghnuis mar a chruaidh-chloch, agus tha fios agam nach bi mi air mo chuir gu naire. Is fogas an ti a dh’ fhìrinicheas mi, co a throideas rium? Seasamaid le cheile; co è m’ eascaraid? thigeadh è fagas domh. Feuch, cuidìchidh ’n Tighearna Dia mi; co a’ neach a dhìteas mi? Feuch, fásaidh iad uile sean mar eudach: ithidh an rèud suas iad. Co ’n ur measg air am bheil eagal an Tighearna, ata toirt umhlachd do ghuth a sheirbheisich, ata aig siubhal ann dorchadas, agus aig nach ’eil solus? cuireadh è earbsa ann ainm an Tighearna, agus a thaic air a’ Dhia. Feuch, sibh-se uile ’ta fadadh teine, ta ’g air cuartuchadh fein mu ’n cuairt le sradaibh; siubhlaibh ann solus bhur teine, agus ann sna sradaibh a las sibh. ’S è so bhios agaibh o m’ laimh-se, luighidh sibh sios am bròn. An Soisgeul. Marc. xv. 1. AGus air ball sa mhaidin chum na h àrd-shagairt maille ris na seanoiribh, agus na sgriobhuichibh, agus a’ chomhairle [TD 87] gu h iomlan, comhairle, agus air dhoìbh Josa a cheangal, thug iad leo è, agus thug iad thairis è do Phiolat. Agus dh’fheòraich Piolat deth, An tusa righ nan Judhach? Agus air freagairt dha, a dubhairt sè ris, A deir tu è. Agus chuir na h àrd-shaghairt mòran do nithibh as a leth: ach cha dò fhreagair eisean aon ni. Agus chuir Piolat a-rìs ceist air, ag radh, Nach freagair thu ni sam bith? fèuch cia lion nithe air am bheil iad sin a’ toirt fia’nais a’ d’ aghaidh. Ach cha do fhreagair Josa ni sam bith fòs: air chor ’s gur ghabh Piolat iongantas. ’Noise air an fhèisd bu gnàth leis aon phrìosunach, ge b’e air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as doibh. Agus bha neach araidh d’ am b’ ainm Barabbas, ceangailte maille r’a chompanachaibh ceannairce, muintir a bha air deanamh marbhaidh ann sa cheannairc. Agus air glaodhaich gu h àrd do’n t sluagh, thòsaich iad air ìarraidh air, a dheanamh dhoibh mar a rinn è ’n comhnuidh. Ach fhreagair Piolat iad, ag radh, An àill libh gu ’n cuir mi righ nan Judhach fa sgaoil duibh? (Oir bha fhios aige gur a b’ann tre fharmad a thug na h àrd-shagairt thairis è.) Ach bhrosnach na h ârd-shagairt an sluagh, chum ’s gu ’m b fhearr leis Barabbas a chur sa sgaoil doibh. Agus fhreagair Piolat, agus a dubhairt sè riu a-rìs, Creud ma seadh is àill libh mise a dheanamh ris an duine sin, d’ an goir sibh Righ nan Judhach? Agus ghlaodh iad a-rìs, Ceus è. Ann sin a dubhairt Piolat riu, C’ar son, creud è ’n t olc a rinn è? Ach bu ro-mhòid a ghlaodh iadsan, Ceus è. Agus air do Phiolat bhi toileach gniomh taitneach a dheanamh do ’n t sluagh, dh’fhuasgail è Barabbas doibh, agus thug è thairis Josa, taireis da a sgiursadh, chum a cheusaidh. Agus thug na saighdfheara leo è steach do’n talla, eadhon cúirt an uachdarain; agus ghairm iad a’ chuideachd uile ann ceann a chèile. Agus chuir iad uime eadach purpuir, agus air figheadh dhoibh coroin droighinn, chuir iad air è. Agus thòsaich iad air beannachadh dha ag radh, Fàilte dhuit, a Ri’ nan Judhach. Agùs bhuail iad air a’ cheann è le slait chuilce, agus ghabh iad do shilibh air, agus air lùbadh an glùn, rinn iad umhlachd dha. Agus taireis doibh fanoid a dheanamh air, thug iad deth an t eadach purpuir, agus chuir iad eadach fein uime, agus thug iad amach è chum ’s gu ’n ceusadh iad è. Agus dh’èignich iad duine àraidh bha dol seachad, Simon o Chirene, (athair Alecsandeir agus Rufuis, a bha teachd as a’ mhachthir,) chum [TD 88] a chrann-ceusaidh a ghiulan. Agus thug iad è gu ionad d’am b’ainm Golgata, ’s è sin air na eidir-theangachadh, àite cloiginn. Agus thug iad da r’a òl, fion air a mheasga le mirr: ach cha do ghabh eisean è. Agus ’n uair a cheus iad è, roinn iad a thruscan, a’ tilgeadh croinn air, ciod a chiudh a bhiodh aig gach duine dheth. Agus bha ’n treas uair ann, agus cheus iad è. Agus bha sgriobadh a’ chùisdhìteidhair a sgriobhadh os a cheann RIGH NAN JUDHACH. Agus cheus iad maille ris dà ghaduiche; fear air a laimh dheis, agus fear air a laimh chli. Ann sin choi’-lionadh an sgriobtuir, a deir, Agus bha è air áireamh a’ measg nan ciontach. Agus thug iads’ a bha dol seachadh an-cainnt da, a’ crathadh an ceann, agus ag radh O thusa a leagas an teampull, agus a thogas è ann an tri laithibh, Fòir ort fein, agus tár a nuas o’n chrann-cheusaidh. Agus mar an ceudna a dubhairt na h àrd-shaghairt agus na sgriobhichean r’a chèile, a’ fanoid air, Shaor è daoin’ eile, ni ’m bheil è comasach è fein a shaoradh. Thigeadh a nois’ Criosd Righ Israel a nuas o’n chrann-cheusaidh, chum ’s gu ’m faic agus gu’n creid sinn. Agus thug iadsan a chuaidh cheusadh maille ris, an-cainnt da. Agus an uair a thainig an seaihadh uair, bha dorchadas air an talamh uile gu ruig an noathadh uair. Agus air an naothadh uair dh’eigh Josa le guth mòr, ag radh, Eloi, Eloi, lama sahachtani? ’Se è sin, air eidir-theangachadh, Mo Dhia, mo Dhia, creud far thrèig tu mi? Agus air cluinntin sin do chuid diubs’, a bha ’n an seasamh a làthair, a dubhairt fiad, Feuch, ata sè gairm Eliais. Agus ruidh fear aca, agus air da spuing a lionadh do fhion-geur, a gus a cur air slait chuilce, thug è deoch dha, ag radh, Leigibh leis, faiceamaid an d’thig Elias g’a thoirt a nuas. Agus air do Josa eigheach le guth ard, thug è suas an deo. Agus bha brat-roinn an teampuill air a reabudh, o mhullach gu iochdar, ’n a dhà chuid. Agus an uair a chunnairc an Caiptin cheud, a bha ’n a sheasamh fa chomhair, gun d’thug è suas an deo, ag glaodhaich mar sin. a dubhairt sè, Gu fìrinneach b’è ’n duine so Mac Dhe. [TD 89] Diciaduin roimh ’n Chaisg. An Litir. Eabh. ix. 16. OIr far am bheil tiomnadh, is eigin bàs an tiomnui’-fhir a bhi ann mar an ceudna. Oir ata tiomna’ daingean taireis bàis dhaoine: ach ni bheil bri’ sam bith ann, am feadh ’s ata ’n tiomnui’-fhear beo. Do reir sin, ni mò bha ’n ceud thiomnà air a choisrigeadh as eugmhais fola. Oir ’n uair a labhradh gach uile àithne reir an lagha ris a’ phobull uile le Maois, air gabhail da fuil laogh agus ghabhar, maille re h uisge, agus oluinn sgarlaid, agus hissop, chrath sè iad araon air an leabhar agus air a’ phobull uile. Ag radh, ’S i so fuil an tiomnaidh a dh’ àithn Dia dhuibhse. Tuilleadh eile, chrath è mar an ceudna an fhuil air an tabernacal, agus air soithichibh na naomh-sheirbhis uile. Agus beag nach ’eil na h uile nithe air an glanadh le fuil a reir an lagha; agus as eugmhais dòrta’ fola ni bheil maitheanas r’a fhaghail. B’ fheumail uime sin gu’m biodh samhlaidh nan nithe a ’ta sna neamhaibh air an glanadh leo so; ach na nithe neamhaidh fein le ìobairtibh a b’ fhearr na iad so: Oir cha deachaidh Criosd a steach do na h ionadaibh naomha làmh-dheanta, nithe a’s iad fioghaire nam fior ionad; ach do neamh fein, chum a noise è fein a nochdadh ann am fia’nais De air ar soin-ne: No fòs chum è fein ìobradh gu minic, mar a theid an t àrdshagart gach bliadhn’ a steach do’n ionad naomha, le fuil nan atharrach: (Oir mar sin b’ fheumail è dh’ fhulang gu minic o thoiseach an t saoghail) ach a noise dh’fhoill-sicheadh è aon uair ann deireadh an t saoghail, chum peacadh chur air cùl trîd è fein ìobradh. Agus amhuil ata è air òrduchadh do dhaoinibh bàs fhagail aon uair, ach ’na dhiaigh so breitheanas: Mar sin dh’ ofraileadh Criosd aon uair chum gu tugadh è air falbh peacaidh mhòrain, ach an dara h uair foillsichear è d’on droing aig am bheil dùil ris, as eugmhais peacaidh, chum slainte. [TD 90] An Soisgeul. Luc xxii. 1. ’NOise do dhruid riu fèisd an arain gun làibhin, d’an goir’ear a’ chàisg. Agus bha na h àrd-shagairt agus na sgriobhuichean ag iarraidh cionnas a dh’ fheudadh iad eisean a chur gu bàs; oir bha eagal a’ phobuill orra. Ann sin chuaidh Satan ann Iudas d’ an co’-ainm Iscariot, neach a bha do àireamh an dà-fhir-dheug. Agus dh’imich è, agus labhair è ris na h àrd-shagartaibh agus re caiptinibh an teampuill, cionnas a bhrathadh sè eisean doibh. Agus bha iad subhach, agus rinn iad cùmhnant ris, airgiod a thabhairt da. Agus gheall eisean, agus dh’iarr è àm iomchu’idh air a bhrath’ dhoibh gun am pobull a bhi làthair. Ann sin thainig là an arain gun làibhin, ann s am b eigin an tuan-càisg’ a mharbhadh. Agus chuir è uaithe Peadar agus Eoin, ag radh, Im’ichibh, agus ull’uichibh dhuinn a’ chàisg, chum gu ’n itheamaid. Agus a dubhairt iadsan ris, C’ait’ an àill leat sinn a dh’ ull uichadh? Agus a dubhairt sè riu, Fèuch, air dhuibh dol a steach do ’n bhaile, tachraidh oirbh duine, a’ giulan soithich uisge; leanaibh è do ’n tigh ann s an d’ theid è steach. Agus abruibh re fear an tighe, A deir am maighisdir riut, C’àit’ am bheil an seomar-aoidheachd an s an ith mi chàisg maille re m’ dheisciobluibh? Agus feuchaidh sè dhuibh àrd-sheomar farsaing uidhimichte: ull’uichbhs’ ann sin. Agus dh’imich iad agus fhuair iad mar a dubhairt sè riu: agus dh’ ull’uich iad a’ chàisg. Agus ’n thrà’ thainig an uair, shuidh è sios, agus an dà-abstol-deug maille ris. Agus a dubhairt sè riu, Le mòr-thogradh mhiannaich mi a’ chàisg so itheadh maille ribh roimh dhamh fulang. Oir a deirim ribh, Nach ith mi dhith tuilleadh, gus an coi’-lionar i ann rioghachd Dhe. Agus ghlac sè ’n cupan, agus air dha buidhèachas a thaibhairt, a dubhairt sè, Gabhaibh so, agus roinibh eadruibh fein è. Oir a deirim ribh, nach òl mi do thoradh na fìneamhain, gus an d’ thig rioghachd Dhe. Agus ghlac sè aran agus taireis buidheachas a thabart, bhris sè agus thug sè dhoibhsin è, ag radh, ’S è so mo chorp-sa a ’ta air a thoirt air bhur sonsa: deanuibh so mar chuimhne ormsa. Agus mar an ceudna an cupan, ann diaigh na suipeir’, ag radh, Is è ’n cupan so an tiomna nuadh ann m’ fhuilse, a dhòirteadh air bhur son-sa. Ach fèuch, lamh an ti bhrathas mise maille rium air a’ bhòrd. Agus gu fìrinneach ata Mac an duine ag im’eachd a reir mar a dh’ òrduicheadh: ach ’s an-aoibhinn do ’n duine sin leis am brathar é. [TD 91] Agus thòsaich iadsan air rannsachadh eatorra fein co aca bha gus an ni so a dheanamh. Agus bha fòs comhstribh eatorra, co aca bu mhò a bhiodh. Ach a dubhairt eisean riu, Ata aig righribh nan Geintileach tighearnas orra; agus goir’ear daoine fial dhiubhsan, aig am bheil ùghdarras orra. Ach na bithibhse mar sin: ach an neach a’s mò ’nar measg, biodh è mar an neach a’s òige; agus an ti a’s àirde, mar eisean ata ré frithealadh. Oir co aca ’s mò, ’n ti a shuidheas air bòrd, no eisean a ni frithhealadh? nach è ’n ti a shuidheas? ach ata mise ’n ar measg sa mar fhear-frithealaidh. Is sibhse iadsan a dh’ fhan maille riumsa ann mo bhuairibh, Agus ata mise ’g òrduchadh dhuibh rioghachd, mar a dh’ òrduich m’ Athair dhamh-sa: Chum’s gu’n ith agus gu ’n òl sibh air mo bhòrd sa ann mo rioghachd, agus gu ’n suidh sibh air caithrichibh rioghail, a’ toirt breith air dá threibh-dheug Israeil. Agus a dubhairt an Tighearna, A Shimoin, a Shimoin, fèuch, dh’ iarr Satan sibhse, chum bhur criaradh mar chrui’neachd: Ach ghuidh mise air do shonsa, nach dìobradh do creidimh thu: agus ’n uair a dh’ iompoichear thu, neartuich do bhràithre. Agus a dubhairt eisean ris, A Thighearna, ’ta mise ullamh gu dol maille riut araon chum priosuin, agus a chum bàis. Agus a dubhairt eisean, A deirim riut, a Pheadar, nach goir an coileach an diu, gus an àichsheun thu tri uaire gur aithne dhuit mi. Agus a dubhairt sè riu, ’N uair a chuir mi uam sibh gun sporan, agus gun mhàla, agus gun bhròga, an raibh uireasbhuidh ni sam bith oirbh? Agus a dubhairt siad, Cha raibh. Ann sin a dubhairt sè riu, Ach anois’ ge b’è aig am bheil sporan, togadh sè è, agus mar an ceudna a mhàla: agus an ti aig nach ’eil cloidheamh, reiceadh è eadach, agus ceannachadh è h aon. Oir a deirim ribh, gur eigin fòs an ni so ’ta sgriobhta a choi’-lionadh annam-sa, Agus bha è air àireamh a’ measg nan ciontach: oir ata crioch aig na nithibh ud, a ’ta mu m’ thimchioll-sa. Agus a dubhairt iadsan, A Thighearna, fèuch, ata dà chloidheamh ann so. Agus a dubhairt eisean riu, ’S leòr è. Agus air dha dol amach, chuaidh sè, mar bu ghnà’ leis gu sliabh nan Oluidh’; agus lean a dheisciobuil fòs è. Agus an uair a thainig è do ’n àite, a dubhairt sè riu, Deanaibh ùrnuigh, chum’s nach tuit sibh ann buaireadh. Agus thairngeadh eisean uatha mu thimchioll urchuir chloiche, agus leig s è è fein air a ghlùinibh agus rinn è ùrnuigh, Ag radh, Athair, ma’s toil leat, cuir an cupan so tharum: gidheadh na b’ i mo thoilse, ach do thoilse gu raibh deanta. Agus dh’ fhoillsicheadh dha aingeal o fhlaitheanas, [TD 92] ’ga neartachadh. Agus air bhi dha ann an cruaidh-ghleachd’ anama, rinn è ùrnuigh na bu d ùrachdaich’: agus bha fhallas mar bhraona mòra fola a tuiteam sios air an talamh. Agus air dha eirigh o ùrnuigh, thainig è chum a dheisciobul, agus fhuair sè ’n an codal iad tre thuirse. Agus a dubhairt sè riu, C’ar son ata sibh ’n ar codal? eiribh, agus deanaibh ùrnuigh, chum’s nach tuit sibh ann am buaireadh. Agus air dha-san bhi fòs, a’ labhairt fèuch sluagh, agus dh’ imich eisean d’ am b’ ainm Iudas, aon do ’n dà-fhear-dheug, rompa, agus dhruid è re h’ Iosa, chum a phògadh. Ach a dubhairt Iosa ris, A Iudas, am bheil thu le pòig a’ brath’ Mhic an duine? Agus ’n uair a chunnaic iads’ a bha maille ris, an ni bha teachd a dubhairt siad ris, A Thighearna, ’m buail sinn leis a’ chloidheamh? Agus bhuail a h aon diubh seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr sè dheth a’ chluas dheas. Agus fhreagair Iosa agus a dubhairt sè Fulaingibh gus a so. Agus bhean è r’a chluais, agus shlànuich sè i. Ann sin a dubhairt Iosa ris na h àrd-shagartaibh agus caiptinibh an teampuill, agus na seanoiribh a thainig d’a ionnsuidh, ’N d’ thainig sibh ’mach le cloidhibh agus le bataibh, mar gu b’ ann aghaidh meirlich? ’N uair a bha mi gach la maille ribh san teampull, cha do shìn sibh amach bhur lamha a’m’ aghaidh: ach s’i so bhur n uairse, agus cumhachd an dorchadais. Ann sin rug iad air-sin, agus thug iad leo è, agus thug iad è do thigh an àrd-shagairt. Agus lean Peadar am fad uaithe è. Agus air dhoibh teine fhadadh ann am meadhon an talla, agus suidhe sios am fochair a chèile, shuidh Peadar ’n am meadhon. Ach chunnaic cailin áraidh è ’n a shuidhe aig an teine, agus air dh’i amharc gu geur air, a dubhairt si, Bha ’m fear so mar an ceudna maille ris. Agus dh’ áichsheun eisean è, ag radh, A bhean, cha ’n aithne dhamh è. Agus beagan ’n a dhiaigh sin chunnaic neach eile è, agus a dubhairt sè, ’S ann diubh thusa mar an ceudna. Agus a dubhairt Peadar A dhuine, cha ’n ann. Agus mu thimchioll ùine aon uair’ ’n dhiaigh sin, chothaich neach eile air, ag radh, Gu fìrinneach bha ’m fear so mar a ceudna maille ris; oir is Galileanach è. Agus a dubhairt Peadar, A dhuine, ni h aithne dhamh ciod ata thu ’g radh. Agus air ball ’m feadh a bha è fòs a’ labhairt, ghoir an coileach. Agus air tionndadh do ’n Tighearna, dh’ amhairc sè air Peadar; agus chuimhnich Peadar focal an Thigearna, mar a dubhairt sè ris, Mun goir an coileach, áich-sheunaidh tu mi tri uaire. Agus chuaidh Peadar amach agus ghuil è gu goirt. Agus rinn na [TD 93] daoine, a chum Iosa, fanoid air, ’ga bhualadh. Agus ’n uair a dh’ fholuich iad a shuile, bhuail iad è san aghaidh, agus dh’ fheòraich iad deth, ag radh, Dean faidheadoireachd, co è a bhuail thu? Agus labhair iad mòran do nithibh eile gu toibheumach ’n a aghaidh. Agus ’n uair a bha ’n là air teachd, chruinnich seanadh a’ phobuill, agus na h àrd-shagairt agus na sgriobhuichean ann ceann a chèile, agus thug iad eisean chum an comhairle, Ag radh, An tu Chriosd? innis dhuinn. Agus a dubhairt sè riu, Ma dh’ innseas mi dhuibh, cha chreid sibh. Agus ma dh’ fheòraicheas mi fòs ni air bith, cha toir sibh freagradh dhamh, agus cha leig sibh as mi. ’N a dhiaigh so bithidth Mac an duine ’n a shuidhe air deas làimh cumhachd Dhe. Ann sin a dubhàirt siad uile, An tusa ma seadh Mac Dhe? Agus a dubhairt sè riu A deir sibhse gur mi. Agus a dubhairt siad, Ciod tuilleadh am feum ata againn air fia’nais? oir chula sinn fein as a bheul fein. Deardaoin roimh ’n Chaisg. An Litir. 1 Cor. xi. 17. ’NOise ann san ni so a chuiream ann cèill duibh, ni molam sihh, do bhri’ gu bheil sibh teachd ann ceann a chèile ni h ann chum bhur maith, ach bhur croin. Oir air cruinneachadh dhuibh ann ceann a chèile san eaglais, ata mi cluinntin gu bheil eas-aonachda ’n ar measg; agus ata mi ann cuid ’g a chreidsin. Oir is eigin fòs saobh-bhar’aile bhi eadearuibh, chum gu’n deanar follasach an dream a ’ta dearbhta ’n ar measg. Uime sin ’n uair a thig sibh ann ceann a chéile do aon àite, ni h è sin suipeir an Tigearna itheadh. Oir ithidh gach aon air tùs a shuipeir fein, agus ata neach ocrach, agus neach eile air mheisg. An è nach ’eil tighean agaibh chum itheadh agus òl ionnta? no am bheil sibh deanamh tâir’ air eaglais De, agus a’ nàrach na muintir aig nach ’eil? Creud a deiream ribh? Am mol mi sibh ann sa chùis so? cha mhol. Oir fhuair mise o’n Tighearna, an ni sin fòs a thug mi dhuibhse, Gur ghlac an [TD 94] Tighearna Iosa aran, ann san oidhche an do bhrathadh è: Agus air breith buidheachais, bhris sè è, agus a dubhairt è, Gabhaibh, ithibh; is è so mo chorpsa, a ’ta air a bhriseadh air bhur son-sa: deanaibh so mar chuimhneachan ormsa. Air a’ mhodh cheudna fòs ghlac sè an cupan, taireis na supeir, ag radh, Is è an cupan so an Tiomnadh nuadh ann m’ fhuil-se: deanaibhse so, cia minic a dh’ òlas sibh è, mar chuimhneachan ormsa. Oir cia minic a dh’ itheas fibh an t aran so, agus a dh’ òlas sibh an cupan so, ’ta sibh a’ foillseachadh bàis an Tighearna gus an d’ thig è. Uime sin, ge b’è neach a dh’ itheas an t aran so, agus a dh’ òlas an cupan so, an Tighearna gu neo iomchuid’h, bithidh sè ciontach do chorp agus do fhuil an Tighearna. Ach ceasnuicheadh duine è fein, agus mar sin itheadh è do’n aran so, agus òladh è do’n chupan so: Oir ge b’è dh’ itheas agus a dh’ òlas gu neo-iomchu’idh, ata è ’g itheadh agus ag òl breitheanais dha fein, do bhri’ nach ’eil è a’ deanamh aithneadh air corp an Tighearna. Air a shon so ’ta mòran ’n ar measg anmhunn agus tinn, agus ata mòran ’n an codal. Oir nan d’ thugamaid breith oirn’ fein, cha tugtadh breith oirn’. Ach ’n uair a bheir’ear breith oirn’, ata sinn air ar smachdachadh leis an Tighearna, chum nach bitheamaid air ar damnadh maille ris an t saoghal. Uime sin, mo bhràthre, ’n uair a thig sibh ann ceanne a chèile chum itheadh, fanaibh r’a chèile. Agus ma bhios ocras air aon neach, itheadh è aig an tigh; chum nach d’ thig sibh ann ceann a chèile gu breitheanas. Agus cuiridh mise gach ni eile ann ordugh ’n uair a thig mi. An Soisgeul. Luc. xxiii. 1. AGus air eirigh do ’n chuideachd ac’ uile, thug iad è gu Pilat. Agus thòsaich iad re cùis a chur air, ag radh, Fhuair sinn am fear so a’ claonadh a’ chinnich, agus a’ bacadh cis a thoirt do Cheasar, ag radh, Gur è fein Chriosd an righ. Agus dh’ fheòraich Pilat deth, ag radh, An tusa righ nan Iudhach? agus fhreagair eisean agus a dubhairt sè, Deir tu è. An sinn a dubhairt Pilat ris na h àrd-shagartaibh agus ris an t sluagh, Ni bheilimse faghail aon choire san duine so. Agus bha iadsan ni bu ro dhéineadh, ag radh, ’Ta è buaireadh a’ phobuill, ag teagasg tre Iudea uile, a’ tòiseachdah o ’n Ghalilee gus an àite so. ’N uair a chula Pilat mu ’n Ghalilee‘ dh’ [TD 95] fheòraich è ’m bu Ghalileanach an duine. Agus n’ uair a chual’ è gur b’ ann do fhlaitheachd Ioraith a bha è, chuir sè gu h Ioraith è, neach a bha è fein ann Ierusalem sna laithibh sin. Agus ’n uair a chunnaic Ioraith Iosa, bha aoibhneas mòr air: oir bha dèidh aige rè ùine fhada air eisean fhaicsin, do bhri’ gu’n cual’ è mòran uime; agus bha dùil aige gu ’m faiceadh è miorbhuil eigin air a dheanamh leis. Ann sin dh’ fheòraich sè moran do cheisdibh dheth; ach cha d’ thug è freagradth sam bith air. Agus sheas na h àrd-shagairt agus na sgriobhuichean ’g a chasaid gu dian. Agus chur Ioraith agus a luchd-cogaidh ann neimh-prís è, agus rinn iad fanoid air, agus taireis a sgeudachadh ann eadach ro-gheal, chuir se air ais gu Pilat è. Agus rinneadh Pilat agus Ioraith n’ an càirdibh d’a chèile san la sin; oir bha iad roimhe sinn an naimhdeas r’a chèile. Agus ’n uair a ghairm Pilat ’n ceann a chèile na h àrd-shagairt, agus na h uachdarain, agus am pobull, A dubhairt sè riu, Thug sibh a’m’ ionnsuidhs’ an duine so, mar neach ata tionndadh a’ phobuill a thaoibh: agus féuch, air dhamh a cheasnachadh ann bhur lathair, chá d’ fhuair mi coire air bith san duine so thaobh na’ nithe sin, mu ’m bheil sibh cur cùis air; No fòs Ioraith: oir chuir mi d’a ionnsuidh sibh, agus fèuch, cha d’ rinneadh ni air bith leis toilltineach air bàs. Uime sin, air dhamh-sa a smachdachadh, leigidh mi as è. Oir b’ fheudar dha neach eigin a leigeadh as doibh air an fhèisd. Agus ghlaodh iad amach dh’aon ghuth, ag radh, Beir uainn am fear so, agus leig air a chomas duinne Barabbas: (Neach air son ceannairc’ àraidh a rinneadh ann sa bhaile, agus air son mortaidh, a thilgeadh am prìosun). Air an àdhbhar sin labhair Pilat riu a-rìs, air dha bhi toileach Iosa a chur fa sgaoil. Ach ghlaodh iadsan, ag radh, Ceus è, ceus è. Agus a dubhairt sè riu an treas uair, C’ar son, ciod an cron a rinn è? cha d’ fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, tairèis dhamh a smachdachadh, leigidh mi as è. Agus luidh iadsan air le guthaibh mòra, ag iarraidh eisean a cheusadh: agus bhuadhaich an guthanna-sa, agus guthanna nan àrd-shagart. Agus thug Pilat breith gu ’n deanta na dh’ iarr iad. Agus leig è ’mach dhoibh eisean a thilgeadh am prìosun air son ceannairc’ agus mortaidh, an neach a dh’ iarr iad; ach thug sè thairis Iosa d’ an toil. Agus mar a thug iad leo è, rug iad air Simon, duine àraidh o Chirene, a bha teachd o’n dùthaich, agus chuir iad an crann-ceusaidh air, g’a iomchar ann diaigh Iosa. Agus lean cuideachd mhòr è do ’n t sluagh, agus do mhnaibh, a bha fòs re bròn [TD 96] agus ’g a chaoinidh. Ach air tionndadh Iosa riu, a dubhairt sè, Ingheana Ierusaleim, na guilibh air mo shonsa ach guilibh air bhur son fein, agus air son bhur cloinne: Oir fèuch, ata na làith’ a’ teachd, ann s an abair iad, ’S beannuichte na mnài sheasga, agus na bronna nach do ghiulain clann, agus na cìocha nach d’ thug bainne. Ann sin tòsaichidh iad air a radh ris na beanntaibh, Tuitibh oirne; agus ris na cnocaibh, Folaichibh sinn. Oir ma ni siad na nithe so ris a’ chrann ùr, ciod a ni iad ris a’ chrìonaich? Agus thugadh mar an ceudna dias eile a bha n’ an daoine drochmhuint’, chum bhi air an ceusadh maille ris. Agus ’n uair a thainig iad do ’n àite d’ an goir’ear àit’ a’ chlaiginn, ann sin cheus iad è fein, agus na droch dhaoine; fear dhiubh air a làimh dheis, agus am fear eile air a làimh chli. Ann sin a dubhairt Iosa, Athair, maith dhoibh; oir cha ’n ’eil fhios aca ciod ata siad a’ deanamh. Agus ag roinn eadaich dhoibh, thilg iad croinn air. Agus sheas am pobull ag amharc: agus rinn na h uachdarain fanoid air maille riu-san, ag radh, Shaor è daoin’ eile; saoradh sè è fein, ma ’s è so Criosd, aon taghta Dhe. Agus fòs rinn na saighd fheara fanoid air, a’ teachd d’a ionnsuidh, agus a’ tairgseadh fion-geur dha, Agus ag radh, Ma ’s tu rìgh nan Iudhach, fòir ort fein. Agus bha sgriobha fòs air a sgriobhadh os a cheann, ann an litrichibh greigis, agus laidin, agus eabhrach, IS E SO RIGH NAN IUDHACH. Agus thug a h aon do na droch dhaoinibh a’ chrochadh, toibheum dha, ag radh, Ma ’s tu Criosd, saor thu feine agus sinne. Ach fhreagair am fear eile, agus chronaich sè è, ag radh, Nach ’eil eagal De ort, agus gu bheil thu fuidh ’n aon dìteadh ris? Agus sinne da rìreadh an ceartas; oir ata sinn a’ faghail na’ nithe sin a thoill ar gniomhartha: ach cha d’ rinn an duine so chron air bith. Agus a dubhairt sè re h Iosa, A Thighearna, cuimhnich ormsa ’n uair a thig thu do d’ rioghachd. Agus a dubhairt Iosa ris, Gu deimhin a deirim riut, gu ’m bi thu maille riumsa ’n diu ann am phàrras. Agus bha è mu thimchioll na seathadh uaire, agus bha dorchadas air an talamh uile gus an naothadh uair. Agus dhorchaicheadh a’ ghrian, agus reubadh brat-roinn an teampuill ’n a mheadhon. Agus ’n uair a ghlaodh Iosa le guth mòr, a dubhairt sè, Athair, ata mi tiomnadh mo spioraid a’ d’ làmbhaibh: agus ’n uair a dubhairt è so, thug è suas an deo. ’Noise ’n uair a chunnairc an Senturion an ni do rinneadh, thug è glòir do Dhia, ag radh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine [TD 97] so. Agus am pobull uile a chruinich dh’ ionnsuidh an t seallaidh sin, ’n uair a chunnaic iad na nithe a rinneadh, phill iad air an ais, a’ bualadh an uchd. Agus sheas a luchd eòlais uile, agus na mnài a lean è o’n Ghalilee, ’m fad uaithe, ag amharc air na nithibh sin. Diahaoine na Cèusa. Na h Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, guidhimid gu ’n sealladh tu gu gràsail air do theaghlach fein, air son an raibh ar Tighearna Iosa Criosd toileach a bhi air a bhrath, agus è fein thoirt suas do lamhaibh dhaoin’ aingidh, agus bàs fhullang air a chrois, ata noise beo agus a riaghluchadh maille riutsa agus ris an Spiorad naomh, aon Dia gu brath, Saoghal gu ’n chrich. Amen. A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, ata naomhachadh agus a stiuradh, na h eaglais gu h-iomlan le d’ Spiorad; gabh ar n-achanuich agus air n-urnuigh ata sinn a’ tairgse dhuit air son gach uile staid dhaoine an a d’ eaglais naomh, chum gu ’n dean gach ball d’ i seirbhis dhuit-se gu firineach agus gu diaghaidh, ’na ghairm agus na oifig fein, trid air Tighearna agus ar slanui’fhear Iosa Criosda. Amen. O Dhe thròcairich, a chruthaich na h-uile dhaoine, agus leis nach fuathach nì air bith a rinn thu, agus leis nach àil bàs peacair, ach leis am b’ fhearr gu n-iompuicheadh agus gu ’m biodh è beo; dean trocair air na h-uile Iudhaich turcaich, anna-creidmhich, agus eircich, agus thoir uatha gach uile ain-eolas, cruas cridhe, agus dimheas air t-fhocal fein; agus mar sin thoir dhathaigh iad, a Thighearna bheannuichte, dh’ ionsuidh do thrèud, chum gu ’m bi iad air an sàbhaladh a’ measg fuigheal nam fior Israeliteach, agus gu ’n dean’ar iad na n-aon chrò fo n-aon bhuchaille, Iosa Criosd ar Tighearna, ata beo agus a riaghluchadh maille riutsa agus ris an Spiorad naomh, aon Dia, saoghal gun chrìch. Amen. [TD 98] Diahaoine na Ceusa. An Litir. Eabh x. 1. AIr bhi aig an lagh sgàile nithe maithe re teachd, agus ni h è fior iomhaigh nan nithe fein, ni ’n comasach dha an droing a thig d’a ionnsuidh a choidhch’ a dheanamh foirfe, leis na h ìobairtibh sin a bha iad ag ofrail o bhliadhna gu bliadhna a ghnà’. Oir ann sin nach sguireadh iad do bhi ’g an ofrail? do bhri’ nach biodh aig lnchd deanamh na naomh-sheirbhis tuilleadh coguis air bith peacaidh air dhoibh bhi aon uair air an glanadh. Ach ann sna h ìohairtihh sin nithear ath-chuimhneachadh air peacaibh gach bliadhna. Oir ni bheil è ’n comas gu tugadh fuil tharbh agus ghabhar peacaidh air falbh. Uime sin ag teachd dha do ’n t saoghal, a deir sè, Iobairt agus ofrail ni’ m b’ àill leat, ach dh’ ull’uich thu corp dhamh-sa: Ann an ìobairtibh-losgaidh, agus ann an ìobairtibh air son peacaidh ni’ n raibh tlachd agad: Ann sin a dubhairt mise, Fèuch ataim ag teachd (ann rola an leabhair ata sùd sgriobhta orm) chum do thoils’ a dheanamh, O Dhe. Air dha a radh roimhe sin, Iobairt, agus ofrail, agus ìobhairte-losgaidh, agus ìobairt air son peacaidh ni’ m b’ àill leat, agus ni’n raibh do thlachd annta (a ’ta air an ofrail a reir an lagha). Ann sin a dubhairt sè, Fèuch, ataim ag teachd a dheanamh do thoil-se, O Dhe. ’Ta è cur air cùl a’ cheud ni, chum gu’n daingnich è an dara ni. Leis an toil so ’ta sinne air ar naomhachadh, trìd ofrail cuirp Iosa Criosd aon uair. Agus tha gach uile shagart a’ seasamh gach la, a’ ministreileachadh agus ag osrail nan ìobairte ceudna gu minic, nithe do nach ’eil è ’n comas a choidhch’ peacaidh thoirt air falbh: Ach an duine so, taireis da aon ìobairt ofrail air son peacaidh, shuidh sè a choidhch’ tuilleadh air deas làimh Dhe; A’ feitheamh o sin suas gus an cuir’ear a naimhde ’n an stòl-chos fuidh chosaibh. Oir le aon ìòbairt rinn è choidhch’ foirfe iadsan a ’ta air an naomhachadh. Agus ata an Spiorad naomh mar an ceudna a’ deanamh fia’nais duinne air na nithibth so: oir taireis da radh roimhe, Is è so an cùmhnant a ni mi [TD 99] riu ’n diaigh nan làith’ ud, deir an Tighearna; Cuiridh mi mo lagh ’n an croidhe, agus sgriobhaidh mi è air an inntin: Agus am peacaidh agus an ea ceirte cha chuimhnich mi ni ’s mò. ’Noise, far am bheil maitheanas nan nithe so, ni bheil ofrala airson peacaidh ann ni ’s mò. Uime sin, a bhràithre, do bhri’ gu bheil dànachd againn chum dol a steach do n ionad a ’s naomha tre fhuil Iosa, Air slighe nuaidh agus bheo a choisrig è dhuinne trìd an roinn bhrat, sin r’a radh, tre fheoil fein. Agus do bhri’ gu bheil againn àrd-shagart os ceann tighe Dhe: Thigeamaid am fogus le croidhe fior ann lan dearbh-beachd a’ chreidimh, le ’r croidheachaibh air an crath-ghlanadh o dhroch coguis, agus le ’r cuirp air an nigheadh le h uisge glan. Cumamaid gu daingean aidmheil ar dòchais gun chlaonadh, oir is fìrinneach an ti a gheall). Agus thugamaid an aire d’a chèile chum ar brosnachadh gu gràdh, agus deadh oibridh: Gun bhi leigeadh dhinn sinn fein a chruinneachadh ann ceann a chèile, mar is gnà’ le dream àraidh; ach a’ comhairleachadh chèile: agus gu ma mòid a ni sin so, do bhri’ gu bheil sibh faicsinn an là a’ tarruing am fogus. An Soisgeul. Join xix. 1. AIr an àdhbhar sin ghlac Pilat Iosa, agus sgiurs sè è. Agus dh’ fhigh na saighd-fheara crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann è, agus chuir iad brat purpuir uime, Agus a dubhairt iad, Fàilt’ ort, a righ nan Iudach: agus bhuail iad le ’m basaibh è. Ann sin chuaidh Pilat amach a ris, agus a deir sè riu Fèuch, ata mise ’g a thoirt amach d’ ar ionnsuidh, gu ’m bi fios agaibh nach ’eil mise faghail coire sam bith ann. Ann sin thainig Josa amach, agus an crùn droighinn air, agus am brat purpuir uime. Agus a deir Pilat riu Fèuch an duine. Uime sin ’n uair a chunnaic na h àrd-shagairt agus na maoir è, ghlaodh iad, ag radh, Ceus è, ceus è. Deir Pilat riu, Gabhaibhse è, agus ceusaibh è: oir cha ’n ’eil mise a’ faghail coire air bith ann. Fhreagair na h Judhaich è, ’Ta lagh againne, agus a reir ar lagh ne ’s coir a chur gu bàs, air son gu ’n d’ rinn sè Mac Dhe dheth fein. Uime sin ’ n uair a chula Pilat a’ chainnt sin, bu mhòid a bha dh’ eagal air; Agus chuaidh è steach a-rìs a dh’ àit’ a’ bhreitheanais, agus deir sè re h [TD 100] Josa, Cia as duit? ach cha d’ thug Josa freagradh air. Ann sin a deir Pilat ris, Nach labhair thu riumsa? nach ’eil fhios agad gu bheil cumhachd agamsa do cheusadh, agus gu bheil cumhachd agam do chur fa sgaoil? Fhreagair Josa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad a’ m’ aghaidh-se, mur d’ thugtadh dhuit o’n àird’ è: air an àdhbhar sin an ti a thug mise thairis dhuit, ata aige-sin am peacadh a’s mò. Agus o sin suas dh’ iarr Pilat a chur fa sgaoil: ach ghlaodh na h Judhaich, ag radh, Ma leigeas tu ’m fear so fa sgaoil, cha charaid do Cheasar thu: ge b’è neach ata ’ga dheanamh fein ’n a righ, ’ta sè labhairt ann aghaidh Cheasair. Uime sin ’n uair a chuala Pilat a’ chainnt sin, thug è ’mach Josa agus shuidh sè air a’ chaithir bhreitheanais, ann san ionad d’an goir’ear an Leac-ùrlar, ach ann san Eabhrais, Gabbata. Agus b’e là-ullamhachaidh na càisge è, agus mu thimchioll na seathadh uaire: agus a deir sè ris na Judhachaibh, Fèuch bhur righ. Ach ghlaodh iadsan amach, Beir uainn, beir uainn, ceus è. Deir Pilat riu, An ceus mi bhur righ-se? Fhreagair na h àrd-shagairt, Cha ’n ’eil righ againne ach Ceasar. Ann sinn air an àdhbhar sin thug sè thairis dhoibh è, chum bhi air a cheusadh. Agus ghlac iad Josa, agus thug iad leo è. Agus chuaidh è ’mach, a’ giulan a chrann-ceusaidh, do ’n ionad d’ an goir’ear àit’ a’ chloiginn d’ an ainm san Eabhrais, Golgota. Ann sinn cheus iad è, agus dias eile maille ris, fear air gach taobh, agus Josa sa mheadhon. Agus sgriobh Pilat fòs tiodal, agus chuir sè air a’ chrann-cheusaidh è. Agus b’è an sgriobha, JOSA O NASARET RIGH NAN JUDHACH. Uime sin leugh mòran do na h Judhachaibh an tiodal so: oir bha ’n t àit’ ann do cheusadh Josa fogus do ’n bhaile: agus bha an sgriobha ann Eabhrais, Greugais, agus ann Laidin. Ann sin a dubhairt àrd-shagairt nan Judhach re Pilat, Na sgriobh, Righ nan Judhach; ach gu ’n dubhairt è, Is mi rìgh nan Judhach. Fhreagair Pilat, An ni a sgriobh mi, sgriobh mi è. Ann sin ’n uair a cheus na saighd-fheara Josa, ghlac iad eadach (agus rinn iad ceithir earroinnean, earroinn do gach saighd-fhear) agus a chòta mar an ceudna; agus bha ’n còta gun fhuaigheal, air fhigheadh o bhràighe sios gu h iomlan. Dubhairt iad uime sin eatorra fein, Na reubamaid è, ach tilgeamaid croinn air, co aig a bhìtheas è: chum gu ’n coi’lionfadh an sgriobtuir, a deir, Roinn siad mo thrusgan eatorra, agus thilg iad croin air mo bhrat. Air an àdhbhar sin rinn na saighd-fheara na nithe so. ’Noise sheas làimh re crann ceusaidh Josa, a mhàthair agus piuthar a mhàthar, Muire bean Chleo- [TD 101] phas, agus Muire Madalen. Uime sin ’n uair a chunnaic Josa a mhàthair, agus an deisciobul a b’ ionmhuinn leis ’na sheasamh a làthair, a dubhairt sè r’a mhàthair, A bhean, fèuch do mhac. An sin a deir sè ris an deisciobul, Fèuch do mhàthair. Agus o ’n àm sin amach thug an deisciobuil sin leis i d’a thigh fein. Ann diaigh so air do Josa fios a bhi aige gu ’n raibh gach uile nithe a nois’ air an criochnach’, chum gu ’n coi’-lionfadh an sgriobtuir, a deir sè, Tha tart orm. ’Noise bha ann sin soitheach làn do fhion-geur: agus air dhoibhsin spuing a lionadh do’n fhion-gheur, agus a chur air hisop, shin iad chum a bheoil è. Ann sin ’n uair a ghabh Josa am fion-geur, a dubhairt sè, ’Ta è è criochnaichte: agus air cromadh a chinn da thug è suas a spiorad. Ann sin chum’s nach fanadh na cuirp air a’ chrann-cheusaidh air an t sàbaid, do bhri’ gur b’e là an ullamhachaidh a bha ann (oir bu là mòr an là sàbaid sin) dh’iarr na h Judhaich air Pilat gu ’n rachadh an luirgne a bhrìseadh, agus gu ’n d’ thugtadh air falbh iad. Ann sin thainig na saighd-fheara, agus bhris iad luirgne a’ cheud fhir, agus luirgne an fhir eile, a cheusadh maille ris. Ach air dhoibh teachd chum Josa, ’nuair a chunnaic iad gu ’n raibh è cheana marbh, cha do bhris iad a luirgne-se. Ach lot fear do na saighd-fhearaibh a thaobh le sleidh, agus air ball thainig amach fuil agus uisge. Agus thug an ti chunnaic sin fia’nais, agus ata fhia’nais firinneach: agus ata fhios aige gu bheil è labhairt na fìrinn, chum gu ’n creideadh sibhse. Oir rinneadh na nithe so, chum gu ’n coi’-lionfadh an sgriobtuir; Cha bhrisear cnàimh dheth. Agus a-rìs a deir sgriobtuir eile, Amhaircidh iad air-sin a lot iad. Oidhche Chaisg. An Urnuigh. DEonuich, O Thighearna, mar ata sinn air ar baisteadh chum bàis do mhic bheannuichte ar slanui’fhear Josa Criosd; mar sin, le bhi sior mharbhadh ar n’ ainmianna truaillidh, gu ’m bi sin air ar n’ adhlacadh maille ris, agus gu ’n d’ [TD 102] theid sinn trid an uaigh agus geata bhàis gu’r neis-eiridh shòlasaich, air son toiltinis an ti a bhàsaich, agus a dh-adhlaiceadh, agus a dh-eirich a ris air ar son, do Mhac Josa Criosd ar Tighearna. Amen. Oidhche Chaisg. An Litir. 1 Phead. iii. 17. IS fearr, ma’s è sin toil De, sibh a dh’ fhulang air son maith a dheanamh, na air son uilc a dheanamh. Oir dh’ fhuiling Criosd fòs aon uair air son peacaidh, am fìrean air son nan neo-fhìrean, (chum gu’n d’ thugadh è sinne gu Dia) air dha bhi air a chur gu bàs san fheoil, ach air a bheothachadh trìd an Spioraid: Leis an deachaidh è fòs, agus an do shearmonaich è do na spioradaibh ann am prìosun; A bha o shean eas-ùmhal, ’n uair a dh’ fheith fad-fhulangas De aon uair ann laithibh Noe, ’m feadh ’s a bha an àirc ’ga h ullu’chadh, ann s an raibh beagan, sin r’a radh, ochd anama, air an sàbhaladh trìd uisge. ’Ta ’m baiste, mar shaimpleir a ’ta coi’-fhreagradh dha so (ni h è cur dhinn sal na feòla, ach freagradh deadh choguis thaobh Dhe) ’noise ’g ar tearnadh-ne, trìd ais-eirigh Josa Criosd: Neach air dha dol gu neamh, a ’ta ’n a shuidhe air deas-laimh Dhe, air do ainglibh, agus do uachdranachdaibh, agus do chumhachdaibh, bhi air an cur fuidh cheannsal-san. An Soisgeul. Mhath. xxvii. 57. AGus air teachd do’n fheascar, thainig duine saibhir o Arimathea, d’ am b’ ainm Joseph, neach a bha è fein ’n a dheisciobul aig Josa mar an ceudna: Air dol dha-san gu Pilat, dh’iarr è corp Josa: ann sinn dh’òrduich Pilat an corp a thabhairt da. Agus air glacadh a’ chuirp do Joseph, phaisg sè ann an lion-eadach fior-ghlan è. Agus chuir sè è ’n a uaigh nuadh fein, a chladhaich sè ann an carruig: Agus air caruchadh [TD 103] cloich’ mhòir dha gu dorus na h uaighe, dh’fhalbh sè. Agus bha Muire Magdalene, agus a’ Mhuire eile, ’n an suidhe fa chomhair na h uaighe. ’Nois’ air an là màrach, noch is è ’n là ’n diaigh an ull’achaidh, chruinnicheadh na h àrd-shagairt agus na Phairisich gu Pilat, Ag radh, A thighearn’, is cuimhne leinn an t ann a bha am mealltoir ud fòs beo, gu ’n dubhairt sè, Eir’idh mi ’n diaigh thri làith’. Orduich uime sin an uaigh bhi air a coimhead gu cinnteach gus an treas là, áir eagal gu’n d’thig a dheisciobuil san oidhche, agus gu ’n goid iad leo è, agus gu ’n abair iad ris a’ phobull, Gu ’n d’eirich è o na marbhaibh: agus mar sin bithidh am mearachd deireannach ni ’s miosa na ’n ceud mhearachd. A dubhairt Pilat riu, ’Ta faire agaibh, im’ichibh, agus deanàibh an uaigh coi-tearuinte ’s is aithne dhuibh. Agus air im’eachd dhoibhsin rinn iad an uaigh cinnteach, ag cur seula’ air a’ chloich, maille re faire. La Caisg. ¶ Aig an urnuigh mhaidne, ann àite an t sailm, (O Thigibh, &c.) a deirear no seinnear na h-ainteim so. CRiosd ar n uan càisg’ air ìobradh air ar son. Uime sin gleidheamaid an fhèisd, na b’ ann le sean làibhin, no làibhin a mhioruin agus an uilc; ach le aran neo-làibhinnte an treibhdhireis agus na fìrinn. 1 Cor. v. vii. AIr do Criosd eirigh o na marbhaibh. nach bàsaich è ni ’s mò; cha ’n ’eil tighearneas aig a’ bhàs ni ’s mò air. Oir a mhèud gu ’n d’ fhuair è bàs, is ann do’n pheacadh a fhuair è bàs aon uair amhàin: ach a mheud gu bheil è beo, is ann do Dhia ata sè beo. Mar sin mar an ceudna measaibhse gu bheil sibh fein gu deimhin marbh do’n pheacadh: ach beo do Dhia tre Josa Criosd ar Tighearna. Rom. vi. 9. [TD 104] TA Criosd air eirigh o na marbhaibh, agus rinneadh an ceud thoradh dhiubhsan a choidil deth. Oir mar is ann tre dhuine thainig am bàs, is ann tre dhuine thig ais-eirigh nam marbh mar an ceudna. Oir mar ann Adhamh ata gach uile ag faghail a’ bhais, is amhuil sin mar an ceudna a nithear gach uile beo ann Criosd. 1 Cor. xv. 20. Glòir do ’n Athair, agus do’n Mhac agus do’n Spiorad naomh. Freag. Mar bha an tùs, a noise ’ta, agus bidh gu brath: Saoghal gun chrìch. Amen. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, a thug buaigh air a’ bhàs trid t aon-ghinn Mhic Josa Criosd, agus a dh-fhosgail dhuinne geata na beath shiorruidh; tha sinn gu h-umhla a’ guidhe ort, mar a’ ta thu cur deagh thograidh ’n ar n-inntinibh le d’ ghràs sonnruichte ga ’r stiuradh roimh laimh; mar sin gu ’n toir sinn na mianna ceudna gu deagh chrìch le d’ ghna-chomhnadh, trid Josa Criosd ar Tighearna, ata beo agus a’ riaghladh maille riutsa agus ris an Spiorad naomh aon Dia gu brath, saoghal gun chrìch’. Amen. An Litir. Col. iii. 1. UIme sin ma dh’ eirich sibhse maille re Criosd, iarraibh na nithe a ’ta shuas, far am bheil Criosd ’n a shuidhe aig deas làimh Dhe. Suidhichibh bhur n aigneadh air na nithibh a’ta shuas, agus ni h ann air na nithibh a’ta air an talamh. Oir ata sibh marbh, agus ata bhur beatha folaichte maille re Criosd, neach a’s è ar beatha-ne, ann sin bithidh sibhse mar an ceudna air bhur foillseachadh ann glòir maraon ris. Uime sin claoidhibh bhur buill a’ta air an talamh, strìopachas, neo-ghloine, fonn-collaidh, ain-mhianna, agus sannt, ni a ’s iodhol-àdhradh. Nithe air son am bheil fearg Dhe a’ teachd air cloinn na h eas-umhlachd. Ann an raibh sibhse fòs a’ gluasachd uair-eigin, ’n uair a bha sibh a’ caitheamh bhur beatha annta. [TD 105] An Soisgeul. Eoin xx. 1. AIr a’ cheud là do ’n t seachduin thainig Muire Magdalen, gu moch, agus an dorchadas fòs ann chum na h uaighe, agus chunnaic i a’ chloch air a tog’ail o’n uaigh. Ruidh i ann sin, agus thainig i gu Simon Peadar, agus gus an deisciobul eile a b’ionmhuinn le h Josa, agus deir si riu, Thug iad leo an Tighearna as an uaigh, agus cha’n ’eil fhios againn c’àit’ an do chuir iad è. Uime sin chuaidh Peadar amach, agus an deisciobul sin eile, agus thainig iad chum na h uaighe. Agus ruidh iad ’n an dias maraon: agus ruidh an deisciobul eile ni bu luaithe na Peadar, agus thainig è air tùs chum na h uaighe. Agus air cromadh sios da chunnaic è ’n lion-eadach ’n a luidhe; gidheadh cha deachaidh è steach. Ann sin thainig Simon Peadar ’g a leantuin, agus chuaidh è steach do’n uaigh, agus chunnaic è ’n lion-eadach ’n a luidhe; agus an neapaicin a bha m’a cheann, cha’n ann ’n a luidhe maille ris an lion-eadach, ach air leith air fhilleadh ann aon àite. Ann sin chuaidh a steach mar an ceudna an deisciobul sin eile a thainig air tùs chum na h uaighe, agus chunnaic, agus chreid sè. Oir cha do thuig iad fòs an sgriobtuir, gur b’eigin gu’n eir’eadh eisean a-rìs, o na marbhaibh. Ann sin dh’fhalbh na deisciobuil a-rìs chum an cuideachd fein. Dialuain ann seachdmhuin na Càisg. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, a thug buaigh air a’ bhàs trid t aon-ghinn Mhic Josa Criosd, agus a dh-fhosgail dhuinne geata na beath shiorruidh; tha sin gu h-umhla a’ guidhe ort, mar a’ ta thu cur deagh thograidh ’n ar n-inntinibh le d’ ghràs sonnruichte ga ’r stiuradh roimh laimh; mar sin gu ’n toir sinn na mianna ceudna gu deagh chrìch le d’ ghna-chomhnadh, trid Josa Criosd ar Tighearna, ata beo agus a’ riaghladh maille riutsa agus ris an Spiorad naomh aon Dia gu brath, saoghal gun chrìch’. Amen. [TD 106] An Litir. Gniomh x. 34. DH’fhosgail Peadar a bheul, agus a dubhairt sè, Gu fìrinneach ata mi ’g aithneachadh nach ’eil Dia ag amharc air pearsaibh seach a chèile: Ach ann s gach uile chinneach, ata an neach air am bheil eagalsan, agus a ’ta ’g oibreacadh fìreantachd, taitneach aige. Am focal a chuir Dia gu clann Israeil, a’ searmonachadh sìth tre Josa Criosd (is eisean Tighearna nan uile). Am focal sin is aithne dhuibh, a sgaoileadh air feadh tìr’ Judea uile, agus a thionnsgain o’n Ghalilee, ann diaigh a’ bhaisdidh a shearmonaich Eoin: Cionnas a dh’ung Dia Josa o Nasaret leis an Spiorad naomh, agus le cumhachd; neach a chuaidh m’an cuairt a’ deanamh maith, agus a’ slanuchadh gach uile a bha air am foireigneachadh leis an diabhol: oir bha Dia maille ris. Agus ata sinne ’n ar fia’naisibh air na h uile nithibh a rinn è faraon ann an tìr nan Judhach, agus ann Jerusalem; neach a mharbh iad ’g a chrochadh air crann: Eisean thog Dia suas air an treas là, agus nochd sè è gu follasach. Cha ’n ann do ’n t sluagh uile, ach do fhia’naisibh, a thaghadh le Dia roimh làimh, eadhon dhuinne, a dh’ith agus a dh’òl maille ris ann diaigh dha eirigh o na marbhaibh. Agus dh’àithn è dhuinne searmonachadh do’n t sluagh, agus fia’nais a dheanamh gur eisean a dh’òrduicheadh le Dia ’n a bhreitheamh air bheothaibh agus air mharbhaibh. Dha-sa tha na fàidhean uile a’ toirt fia’nais, gu’m fuigh gach uile neach a chreideas ann maitheanas ’n am peacadh trìd ainm-sin. An Soisgeul. Luc. xxiv. 13. FEuch, bha dias aca, a’ dol air an là sin fein gu baile d’ am b’ainm Emmaus, a bha tri fichead stàide o Jerusalem. Agus bha iad a’ labhairt eatorra fein mu thimchioll nan nithe ud uile a thachair. Agus tharladh, ’n uair a bha iad a’ comhradh, agus a’ coi’-reasonachadh, gu’n d’ thainig Josa è fein am fogus, agus dh’ imich sè maille riu. Ach bha ’n sùilean air an cumail, ionnas nach d’ aithnich siad è. Agus a dubhairt sè riu, Creud è an comhradh so air am bheil sibh teachd eadruibh fein, ag im’eachd dhuibh, agus sibh brònach? Agus fhreagair fear aca, d’ am b’ ainm Cleopas, agus a dubhairt sè ris, Am bheil thus’ a’ t aonar a’ d’ choigreach ann Je- [TD 107] rusalem, agus gun fhios agad air na nithibh a rinneadh innte ann sna laithibh so? Agus dubhairt sè riu, coid na nithe? Agus a dubhairt iadsan ris, Na nithe a thaobh Josa o Nasaret, neach a bha ’n a fhàidh cumhachdach ann an gniomh agus ann am focal am fia’nais De, agus a’ phobuill uile: Agus cionnas a thug na h àrd-shagairt agus ar n uachdarain thairis chum d ìte’ bàis è, agus a cheus iad è. Ach bha dùil againn gu ’m b’ eisean an ti a bha gu Israel a shaoradh: agus a thuill’ air so uile, ’s è ’n diu an treas là o rinneadh na nithe so. Agus mar an ceudna, chuir mnài àraidh dhinn fein, a chuaidh gu moch a dh’ ionnsuidh na h uaighe, ua’bhas oirn’: Agus ’n uair nach d’ fhuair iad a chorp, thainig iad, ag radh, gu ’m fac’ iad fòs taisbein do ainglibh, a dubhairt gu bheil è beo. Agus chuaidh dream àraidh dhiubhse bha maille ruinn fein, chum na h uaighe, agus fhuair iad amhuil mar a dubhairt na mnài; ach ni ’m fac’ iad eisean. Ann sin a dubhairt sè riu, O dhaoine amaideach, agus mall-chroidheach chum na nithe sin uile a chreidsin a labhair na fàidhean! Nach b’ eigin do Chriosd na nithe so fhulang, agus dol a steach d’a ghlòir? Agus air dha tòiseach’ o Mhaois, agus o na fàidhibh uile dh’ eidir-mhìnich è dhoibh ann sna sgriobtuiribh uile na nithe m’a thimchioll fein. Agus dhruid iad ris a’ bhaile, gus an raibh iad a’ dol: agus leig eisean air gu ’n rachadh è ni b’ fhaide. Ach choi’-eignich iadsan è, ag radh, Fan maille ruinne, oir ara è dlù’ ris an fheascar, agus tha deireadh an là ann. Agus chuaidh è steach a dh’ fhuireach maille riu. Agus tharladh, ’n uair a shuidh è gu biadh maille riu, air dha aran a ghlacadh, gu ’n do bheannuich sè è, agus bhris sè è, agus thug sè dhoibh è. Agus dh’ fhosgladh an sùilean, agus dh’ aithnich siad è; agus chuaidh è as ann sealladh uatha. Agus a dubhairt iad r’a chèile, Nach raibh ar croidhe a’ lasadh annainn, am feadh a bha è a’ labhairt ruinn air an t slighe, agus ’n uair a dh’ fhosgail è dhuinn na sgriobtuire? Agus dh’ eirich iad air an uair sin fein, agus phill iad gu Jerusalem, agus fhuair iad an t aon-fhear-deug cruinn ann ceann a chèile, agus an dream a bha maille riu, Ag radh, Dh’ eirich an Tighearna da rìreadh, agus chunncas le Simon è. Agus dh’ innis iad na nithe a rinneadh air an t slighe, agus mar a dh’ aithnicheadh leo-san è ann am briseadh an arain. [TD 108] Diamairt ann Seachd’uin na Càisg. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, a thug buaigh air a’ bhàs trid t aon-ghinn Mhic Josa Criosd, agus a dh-fhosgail dhuinne geata na beath shiorruidh: tha sinn gu h-umhla a’ guidhe ort, mar a’ ta thu cur deagh thograidh ’n ar n-inntinibh le d’ ghràs sonnruichte ga ’r stiuradh roimh laimh; mar sin gu ’n toir sinn na mianna ceudna gu deagh chrìch le d’ ghna-chomhnadh, trid Josa Criosd ar Tighearna, ata beo agus a’ riaghladh maille riutsa agus ris an Spiorad naomh aon Dia gu brath, saoghal gun chrìch’. Amen. Air son na Litir. Gniomh. xiii. 26. FHeara agus a bhràithre, a chlann gineil Abraham, agus a mheud agaibh air am bheil eagal De, ’s ann chugaibhs’ a chuireadh focal na slàinte so. Oir iadsan a ’ta chomhnuidh ann Jerusalem, agus an uachdarain, air dhoibh bhi ain-eolach airsin, agus air foclaibh nam faidhean a ’ta air an leughadh gach sàbaid, le eisean a dhìteadh choi’-lion siad iad. Agus ge nach d’ fhuair iad coire báis air bith ann, dh’ iar iad air Pilat gu’n teadh eisean gu bás. Agus ’n uair a choi’-lion iad na h uile nithe bha sgriobhta mu thimchioll, thug iad a nuas o’n chrann è, agus chuir siad ann an uaigh è. Ach thog Dia suas o na marbhaibh è: Agus chunncas è rè mòran làith’ leo-san a chuaidh suas maille ris o’n Ghalilee gu Hierusalem, dream a ’ta ’n am fia’naisibh dha-san do’n phobull. Agus ata sinne a’ soisgeulachadh dhuibhse a’ gheallaidh, a rinneadh do na h aithreachaibh, Gu ’n do cho’-lion Dia so dhuinne an clann, a mhèud gu’n do thog è suas Josa a-ris; mar ata è sgriobhta mar an ceudna san dara salm, Is tu mo Mhac-sa, an diu do ghin mi thu. Agus mar dhearbhadh gur thog sè suas è o na marbhaibh, gun è a philleadh air ais tuilleadh chum truaill’eachd, a dubh- [TD 109] airt è mar so, Bheir mise dhuibh tròcaire cinnteach Dhaibhidh. Uime sin a deir sè mar an ceudna ann an salm eile, Cha ’n fhulaing thu do d’ Aon naomha gu ’m faic sè truaill’eachd. Oir taireis da Dhaibhidh a ghinealach fein a riarachadh do reir toil Dhe, choidil sè, agus chuireadh chum athracha è, agus chunnaic sè truaill’eachd. Uime sin biodh fhios agaibh-se, fheara agus a bhràithre, gur ann tre ’n duine so ata maitheanas peacaidh air a shearmonachadh dhuibh: Agus trìd-sin ata gach uile neach a chreideas air a shaoradh o gach uile nithibh, o nach raibh è ’n comas duibh bhi air bhur saoradh le lagh Mhaois. Thugaibh aire uime sin, nach d’ thig oiribh an ni a’ta air a radh ann sna fàidhibh, Fèuchaibh, a luchd-tarcuis, agus gabhaibh iongantas, agus rachadh as duibh: oir oibricheamsa obair ann bhur laithibh-se, obair nach creid sibh idir, ge do chuireadh duine ann cèill duibh è. An Soisgeul. Luc. xxiv. 36. SHeas Josa fein ’n am meadhon, agus a deir sè riu, Siochaint maille ribh. Ach bha iadsan fuidh gheilt-chrith agus fuidh eagal, agus shaoil iad gur spiorad a chunnaic iad. Agus a dubhairt sè riu, C’ar son ata sibh fuidh thriobloid, agus c’ar son ata smuaintidh ag eirigh suas ann bhur croidhibh? Feuchaibh mo làmhan agus mo chosa, gur mi fein a th’ ann: lámhaichibh mi, agus faicibh, oir cha ’n ’eil aig spioraid feoil agus cnàmha, mar chi sibh agamsa. Agus ’n uair a dubhairt è so, nochd è dhoibh a làmha agus a chosa, agus air bhi dhoibh fòs mi-chreid’each tre aoibhneas, agus iad fuidh iongantas, a dubhairt sè riu, Am bheil biadh sam bith agaibh ann so? Agus thug iad dha mìor do iasg ròiste, agus do chìr-mheala. Agus ghlac sè è, agus dh’ ith sè ’n am fia’nais. Agus a dubhairt sè riu, ’S iad so na briathra a labhair mi ribh, ’n uair a bha mi fòs maille ribh, gur eigin do na h uile nithe ’ta sgriobhta ann an lagh Mhaois, agus ann sna fáidhibh, agus ann sna salmaibh a m’ thimchioll-sa, bhi air an coi’-lionadh. Ann sin do fhosgail sè an tuigse chum gu ’n tuigeadh iad na sgriobtuire, Agus a dubhairt sè riu, Mar so ata è sgriobhta, agus mar so b’ eigin do Chriosd fulang, agus eirigh o na marbhaibh an treas là: Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh bhi air an searmonachadh ’n a ainmse, do na h uile chinneach, a’ tòi- [TD 110] seach’ aig Ierusalem. Agus is fia’naisean sibhse air na nithibh so. An ceud Domhnach an deigh Chaisg. An Urnuigh. AThair uile chumhachdaich, a thug t-aon ghin Mhic gu bàsuchadh air son ar peacaidh, agus a dh-eirigh a ris a chum ar fìreanachadh; Deonuich dhuinn labhuinn a mhioruin agus na h-aingeach a chuir uain, chum gu ’n deanamaid do ghna seirbheis dhuit ann am fìrinn agus am fior ghloine beatha, trid toiltinis do Mhic cheudna Iosa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 1 Ioin. v. 4. GAch uile ni a ghinear o Dhia, bheir è buaidh air an t saoghal: agus is i so a’ bhuaidh a bhuaidhicheas air an t saoghal, eadhon ar creidimh-ne. Co an ti a bhuaidhicheas air an t saoghal, ach eisean a ’ta creidsinn gur h è Iosa Mac Dhe? Is è so eisean a thainig trìd uisge agus trìd fhuil, Iosa Criosd; ni h è trìd uisge ’mhàin, ach trìd uisge agus fuil: agus is è ’n Spiorad a ni fia’nais, do bhri’ gur fìrinn an Spiorad. Oir tha triuir a ’ta deanamh fia’nais air neamh, an t Athair, am Focal, agus an Spiorad naomha: agus an triuir sin is aon iad. Agus tha triuir a ’ta deanamh fia’nais air an talamh, an Spioraid, agus an t’uisge, agus an fhuil: agus thig an triuir sin r’a chèile ann aon. Ma ghabhas sinn re fia’nais dhaoine, ’s i fia’nais De a’s mò: oir is i so fia’nais De, a thug sè mu thimchioll a Mhic. An ti a chreideas ann am Mac Dhe, tha ’n fhia’nais aige ann fein: an ti nach creid Dia, rinn è breugoire dheth, do bhri’ nach do chreid sè an fhia’nais a rinn Dia mu thimchioll a Mhic. Agus is i so an fhia’nais, gu ’n d’ thug Dia dhuinne beatha mhairtheanach: agus ata a’ bheatha so ann a Mhac. An ti aig am bheil am Mac, tha [TD 111] bheatha aige: an ti aig nach ’eil Mac Dhe, cha ’n ’eil beatha aige. An Soisgeul. Ioin. xx. 19. AIr teachd do’n fheasgar an lá sin fein, air a’ cheud là do ’n t seachduin, agus na dorsa dùinte, far an raibh na deisciobuil cruin air eagal nan Iudach, thainig Iosa agus sheas è sa mheadhon, agus a deir sè riu, Sìth dhuibhse. Agus air dha so a radh, nochd è dhoibh a làmhan agus a thaobh. Ann sinn bha aoibhneas air na deisciobluibh ’n uair a chunnaic iad an Tighearna. Ann sin a dubhairt Iosa riu, a-rìs, Sìth dhuibhse: mar a chuir an t Athair uaithe mise, is amhuil sin ata mise ’g ar cur-sa uam. Agus air dha so a radh, shéid è orra, agus a deir sè riu, Gabhaibhse an Spiorad naomh. Ge b’è air bith iad d’ am maith sibh am peacaidh, ata iad maithte dhoibh; agus co air bith iad a chumas sibh am peacaidh gu’n a’ maitheamh, ata siad air an cumail. An dara Dòmhnach an deigh Chàisg. An Uirnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, a thug dhuinne t-aon Mhac fein, araon a chum a bhi na iobairt air son peacaidh, agus mar an ceudna na eiseimpleir air beatha dhiaghaidh; tabhair dhuinn gràs chum gu ’n gabhamaid do ghna gu ro thaingeil an t-sochair luach-mhor sin, agus mar an ceudna gu ’n dean sin dìchioll gach la chum ceumana beannuichte a bheatha ro naomha-san a leanmhuin, trid an Iosa Criosda cheudna ar Tighearna. Amen. An Litir. 1 Phead. ii. 19. ATa so cliu-thoillteanach, ma dh’ iomchaireas neach sam bith doilgheas air son coguis a thaobh Dhe, a’ fulang gu h eacorach. Oir ciod an t àdhbhar molaidh ata ann, ma ’s è [TD 112] an uair a ghabhar oirbh air son bhur ciontaidh, gu ’n giùlain sibh gu foighidneach è? ach ma ’s è air dhuibh maith a dheanamh, agus fulang air a shon, gu ’n giùlain sibh è gu foighidneach; ata so taitneach do Dhia. Oir is ann chuige so a ghairmeadh sibh: do bhri’ gu ’n d’ fhuiling Criosd mar an ceudna air ar soin-ne, a’ fàg’ail eiseimpleir agaibh chum gu leanadh fibh a cheumana: Neach nach d’ rinn peacadh, ni mò a fhuaradh cealg ’n a bheul: Neach ’n uair a chàineadh è, nach do chàin a-ris; ’n uair a dh’ fhuiling è, cha do bhagair è; ach dh’ earb sè è fein ris-sin a bheir breith cheart: Neach a ghiùlain ar peacaidh è fein ann a chorp fein air a’ chrann, chum air dhuinn bhi marbh do ’n pheacadh, gu ’m bithemaid beo do fhìreantachd: neach a bha sibh air bhur slànuchadh le a bhuillibh. Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seacharan; ach philleadh sibh ’noise chum Buachaill’ agus Easbuig bhur n anama. An Soisgeul. Ioin x. 11. DUbhairt Josa is mis’ am buachaille maith: leagaidh ’m buachaille maith anam sios air son nan caorach. Ach am fear-tuarasdail, agus an ti nach è am buachaille, agus nach leis fein na caoraich, chi sè am madadh-alluidh a’ teachd, agus fagaidh sè: agus glacaidh am madadh-alluidh iad, agus sgapaidh sè na caoraich. Ach teichidh am fear-tuarasdail, chionn gur fear-tuarasdail è, agus nach ’eil suim aige do na caoraibh. Is mise am buachaille maithe, agus is aithne dhamh mo chaoraich fein, agus aithnichear le m’ chaoraibh fein mi. Mar is aithne do ’n Athair mise, is mar sin is aithne dhamh-sa an t Athair: agus ata mi leagadh m’ anama sios air son nan caorach. Agus ata caoraich eil’ agam, nach ’eil do ’n chrò so: is eigin damh iad sin mar an ceudna thoirt a stigh, agus eisdidh iad re m’ ghuth; agus bithidh aon treud ann, agus aon buachaille. [TD 113] An treas Domhnach an deigh Chaisg. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, a thaisbeineas solus t-fhìrinn do ’n dream a bhios an mearrachd, a chum gu’m pill iad a dh-ionnsuidh slighe na fìreantachd; Deonuich dhoibh-sin uile ata air an gabhail a’ steach ann co-chomunn Creidimh Chriosd, gu’m fuathaich iad na nithe sin ata ’n aghaidh an aidmheil, agus gu ’n lean iad na nithe sin uile ata reir na h-aidmheil cheudna, trid ar Tighearna Iosa Criosd. Amen. An Litir. 1 Phead. ii. 11. A mhuintir mo gràidh, guidheam oirbh mar choigrich agus luchd-cuairt, sibh a sheachnadh ain-mhianna fèolmhor, a ’ta cogadh ann aghaidh an anama; Air dhuibh deadh chaithe’-beatha bhi agaibh am measg nan Cinneach; chum ann ait’ olc a labhairt umaibh mar luchd mi ghniomh, gu’n dean iad o bhur deadh oibribh a chi siad, Dia a glòrachadh ann là an fhiosrachaidh. Uime sin bithibhse ùmhal do gach uil’ òrduch dhaoine air son an Tighearna: ma ’s ann do ’n righ, mar an ti a ’s àird’ inbhe: No do uachdranaibh, mar do’n mhuintir a chuireadh uaithe, chum dioghaltais air luchd dheanamh an uilc, agus chum cliu dhoibhsin a ni maith. Oir is i toil De, gu’n cuireadh sibhse le deadh dheanadas tosd air ain-eolas dhaoine amaideach: Mar dhaoine saor, agus gun bhur saorsa a ghnàthachadh mar bhrat-folaich do mhi-run, ach mar sheirbhisich Dhe. Thugaibh onoir do na h uile dhaoine. Gradhaichibh na bràithre. Biodh eagal De oirbh. Thugaibh onoir do ’n righ. An Soisgeul. Join xvi. 16. DUbhairt Josa r’a deisciobuil, tamull beag agus cha ’n fhaic sibh mi agus a-rìs, tamull beag agus chi sibh mi, do bhri’ gu bheil mi dol chum an Athar. Ann sin a dubhairt cuid da dheisciobluibh eatorra fein, [TD 114] Creud è so a deir sè ruinn, Tamull beag agus cha ’n fhaic sibh mi: agus a-rìs, tamull beag agus chi sibh mi: agus Do bhri’ gu bheil mi dol chum an Athar? Air an àdhbhar sin a dubhairt iad, Ciod è so a deir sè, Tamull beag? Cha ’n ’eil sinne a’ tuigsin creud a deir sè. ’Noise dh’ aithnich Iosa gu ’n raibh toil aca fheòraich dheth, agus a dubhairt sè riu, Am bheil sibh feòraich ’n ar measg fein mar a dubhairt mi, Tamull beag agus cha ’n fhaic sibh mi: agus a-rìs, tamull beag agus chi sibh mi? Gu deimhin, deimhin a deirim ribh, gu ’n dean sibhse gul agus caoidh, ach ni ’n saoghal gàirdeachas: agus bithidh sibhse do-brònach, ach pillear bhur bròn gu gàirdeachas. ’N uair a bhios bean re saothair-chloinne, bithidh si fa dhoilgheas, chionn gu bheil a h uair air teachd: ach ’n uair bheireas i ’n leanabh, cha chuimhnich i a h àmhghar ni ’s mò, tre aoibhneas gu ’n d’ rugadh duine chum an t saoghail. Agus ata ’noise uime sin doilgheas oirbhse: ach chi mis’ a-rìs sibh, agus ni bhur croidhe gàirdeachas, agus bhur gàirdeachas cha bhuin neach air bith uaibh. An ceathramh Domhnach an deigh Chaisg. An Urnuigh. O Dhe uile chumhachdaich, ata amhain comasach air ain-miana agus toil mhi-riaghailteach dhaoine peacach a thoirt gu gèil; Deonuich do d’ phobull, gu ’n gràdhaich iad a’ nì ata thu ’g iarruidh, agus gu miannuich iad a’ nì ata thu gealltuin; ionnas a’ measg caochlaidh lionmhor eagsamhla an t saoghail, gu ’m bi ar cridheachan ann sin gu daingean air an suidheachadh, far am bheil fior ghairdeachas ri fhaghail, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Sheum. i. 17. ’TA gach uile dheadh thabhartas, agus gach uile thiodhlac’ iomlan o’n àird’, a’ teachd a nuas o Athair na soillse, maille ris nach ’eil atharrachadh, no sgàile tionndaidh. O [TD 115] thoil fein ghin è sinn le focal na fìrinn, chum gu’m bitheamaid ’n ar gne cheud-toraidh d’a chreatuiribh. Uime sin, mo bhráithre grádhach, biodh gach uile dhuine ealamh chum eisdeachd, mall chum labhairt, mall chum feirge: Oir cha ’n oibrich fearg duine fìreantach Dhe. Uime sin cuiribh uaibh gach uile shalchar, agus iomaduigh mi ruin, agus gabhaibh d’ar ionnsuidh le macantas am focal a ’ta air a shuidheachadh annaibh, a ’ta comasach air bhur n anama shàbhaladh. An Soisgeul. Ioin. xvi. 5. DUbairt Josa r’a deisciobuil, a nois’ ata mi dol chum an ti chuir uaithe mi, agus cha’ n ’eil a h aon agaibhs’ a’ feòraich dhiom, C’ àit’ tha thu dol? Ach air son gu ’n dubhairt mi na nithe so ribh, lion do-bròn bhur croidhe. Gidheadh ata mi ’g innseadh dhuibh na fìrinn; Is buannachd dhuibh mise a dh’ fhalbh: oir mur falbh mi, cha d’ thig an Comh-fhurtoir d’ ar ionnsuidh-se; ach ma dh’ fhalbhas mise, cuiridh mi eisean d’ ar ionnsuidh. Agus ’n uair a thig eisean, bheir è dearbh-shoilleireachd do ’n t saoghal mu pheacadh, agus mu fhìreantachd, agus mu bhreitheanas, Mu pheacadh, do bhri’ nach ’eil iad a’ creidsin ionnam-sa; Mu fhìreantachd, do bhri’ gu bheil mise dol a dh’ ionnsuidh m’ Athar, agus cha ’n fhaic sibh ni ’s mò mi; Mu bhreitheanas, air son gu bheil uachdaran an t saoghail so air a dhìteadh. ’Ta mòran nithe agam fòs re radh ribh, ach cha ’n urradh sibh an guilan an trà’-sa. Ach ’n uair a thig eisean, Spiorad na fìrinn, treòraichidh è sibh chum gach uile fhìrinn: oir cha labhair è uaithe fein; ach labhraidh sè na h uile nithe a chluinneas è: agus foillsichidh sè dhuibhse nithe a ’ta re teachd. Bheir easean glòir dhamh-sa: oir gheibh sè do ’m chuid se, agus nochdaidh sè dhuibhse è. Gach uile nithe a ’ta aig an Athar, is leamsa iad: air an adhbhar so a dubhairt mi, gu ’m fuigh sè do m’ chuid-se, agus nochdaidh sè dhuibhse è. [TD 116] An cuigeamh Dòmhnach an deigh Chaisg. An Urnuigh. O Tighearna, o ’m bheil gach uile nithe maith a’ teachd; deonuich dhuinne do sheirbheisich umhla, gu ’n smuaintich sinn le deachtadh do Spioraid naoimh, air na nithibh sin ata maith, agus le d’ stiùradh tròcaireach gu ’n cuir sinn an gniomh an nì ceudna, trid ar Tighearn Josa Criosd. Amen. An Litir. Sheum. i. 22. ACh bithibhse ’n ar luchd chur-ann-gniomh an fhocail, agus ni b’ ann ’n ar luchd-eisdeachd amhàin, ’g ar mealladh fein. Oir ma ’ta neach air bith ’n a fhear-eisdeachd an fhocail, agus ni h ann ’n a fhear-deanamh d’a reir, is cosmhuil è re duine a ’ta ’g amharc air aghaidh nàdurra fein ann an sgàthan: Oir bheachdaich sè air fein, agus dh’ imich è roimhe, agus dhi-chuimhnich sè air ball ciod an cos’las duin’ a bh’ ann fein. Ach ge b’è bheachdaicheas gu dùrachdach air lagh diong’alta na saorsa, agus a bhuanaicheas ann; gun è bhi ’n a fhear-eisdachd dearmadach, ach ’na fhear-deanamh na h oibre, bithidh an duine so beannuichte ’na dheanadas. Ma shaoileas neach air bith ’n ar measg gu bheil è diadhuidh, gun bhi cur frèin r’a theangaidh, ach a’ mealladh a chroidhe fein, is diomhaoin diadhachd an duine so. ’S i so an diadhachd fhiorghlan agus neo-shalach am fia’nais De agus an Athar, dìleachda agus ban-tr’acha fhiosrachadh ’n an triobloid, agus neach ’g a choimhead fein gun smal o’n t saoghal. An Soisgeul. Ioin xvi. 23. GU deimhin, deimin a deirimh ribh, Ge b’è nithe dh iarras sibh air an Athair ann m’ ainm-se, gu ’n toir sè dhuibh iad. Gus a so cha d’ iar sibh ni air bith a’ m’ ainm-se: iarraibh, [TD 117] agus gheibh sibh, chum as gu ’m bi bhur n aoibhneas lán. Na nithe so labhair mi ribh am briathraibh dorch’: ach thig an uair ann s nach labhair mi ni ’s mò ribh am briaithraibh dorch’, ach innsidh mi gu soilleir mu ’n Athair dhuibh. Ann san lá sin iarraidh sibh a’ m’ ainm-se: agus cha ’n ’eil mi ’g radh ribh, gu ’n guidh mi an t Athair air bhur son: Oir is toigh leis an Athair fein sibh, air son gu ’n d’ thug sibh grádh dhamh-sa, agus gu ’n do chreid sibh gu ’n d’ thainig mi o Dhia. Thainig mi amach o’n Athair, agus tha mi air teachd chum an t saoghail: a-rìs, ata mi fágail an t saoghail, agus a’ dol chum an Athar. Deir a dheisciobuil ris, Fèuch, a noise ’ta thu labhairt gu soillier, agus cha ’n ’eil thu labhairt cosamhlachd air bith. Nois’ ata cinnt againn gur aithne dhuit na h uile nithe, agus nach feum thu duine air bith a dh’ fheòraich dhiot: air a shon so ’ta sinn a’ creidsin gu’n d’ thainig thu o Dhia. Fhreagair Josa iad, Am bheil sibh ’noise creidsin? Fèuch thig an uair, seadh, ata i cheana air teachd, ann s an sgapar o chèile sibh, gach aon g’a ionad fein, agus fágaidh sibh mise a’m’ aonar: ach gidheadh cha ’n ’eil mise a’m’ aonar, oir ata an t Athair maille rium. Na nithe so labhair mi ribh, chum gu’m biodh sìth agaibh ionnamsa. Ann san t saoghal bithidh triobloid agaibh: ach biodh agaibh deadh mhisneach, thug mise buaidh air an t saoghal. La ’n Deasghabhail. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, deonuich ata sinn a’ guidhe ort, amhail mar ata sin a’ creidsin gu ’n deach t-aon-ghinn Mhic Josa Criosd ar Tighearna suas gus na neamha; gu ’n d’ theid sinn-ne suas do ’n ionad cheudna ann an cridhe agus ann inntin, agus gu ’n gabh sinn do ghna comhnuidh maille ris-ean, ata beo agus a’ riaghlucha’ maille riut-sa, agus ris an Spiorad naomh, aon Dia saoghal gun chrìch. Amen. [TD 118] Air son na Litir. Gniomh. i. 1. DO rinn mi an ceud leabhar, a Theophilus, timchioll nan uile nithe a thionnsgain Josa a dheanamh agus a theagasg, gus an là an do thogadh suas è, taireis da, trìd an Spioraid naoimh, átheanta a thabhairt do na h abstolaibh a thagh è. D’ an d’ rinn sè mar an ceudna è fein a nochdadh beo taireis fhulangais, le mòran do chomharthaibh fìrinneacha, air fhaicsin leo feadh dhá fhichead laethe, agus è labhairt mu na nithibh sin a bhuineadh do rioghachd Dhe: Agus air bhi dha maille riu, dh’ àithn è dhoibh gun iad a dhol o Hierusalem, ach feitheamh re gealladh an Athar, deir sè, a chuala sibh uamsa. Oir bhaist Eoin gu deimhin le h uisge; ach baistear sibhse leis an Spiorad naomh, air bheag do laithibh ann diaigh so. Uime sin air cruinneachadh dhoibh ann ceann a chèile, dh’fheòraich iad deth, ag radh, A Thighearna, an aisig thu san àm so an rioghachd do Israel? Ach a dubhairt sè riu, cha bhuin è dhuibhse fios nan aimsire no nan seusona fhaghail, a chuir an t Athair ’n a chumhachd fein. Ach gheibh sibhse cumhachd ’n uair a thig an Spiorad naomh oirbh: agus bithidh sibh ’n ar fia’naisibh dhamh-sa, araon ann Jerusalem, agus ann Judea uile, agus ann Samaria, agus gu leith iomall na talmhain. Agus ’n uair a dubhairt è na nithe so, thogadh suas è, agus thug nèul as an sealladh è. Agus am feadh bha iadsan a’ geur-amharc gu neamh, agus eisean a’ dol suas, fèuch, sheas dias dhaoine ann eadach geal làimh riu; muintir a dubhairt fòs, Fheara na Gaililee, c’ar son ata sibh ’n ar seasamh ag amharc gu neamh? An t Josa so a thogadh suas uaibh gu neamh, is amhuil sin a thig sè, mar a chunnairc sibh è a’ dol gu neamh. An Soisgeul. Marc. xvi. 14. ANn diaigh sin nochdadh Josa do ’n aon-fheur-deug, agus iad ’n an suidhe aig biadh, agus thilg è orra am mi-chreidimh, agus an cruas-croidhe, chionn nach do chreid siad iadsan a chunnaic è taireis da eirigh. Agus a dubhairt sè riu, Im’ichibh air feadh an t saoghail uile, agus searmonaichibh an soisgeul do gach uile chreatuir. Ge b’è chreideas agus a bhaistear, bithidh sè air shàbhaladh; ach ge b’è nach creid, damnar è. Agus leanaidh na comharthaidh so ’n dream a chreideas: Ann am ainm-se tilgidh siad amach deamhain; labhraidh siad [TD 119] le teangaibh nuadha; Togaidh siad naithreacha nimhe; agus ma dh’òlas iad ni air bith marbhtach, cha chiur sè iad; cuiridh siad an làmhan air daoinibh tinne, agus bithidh siad gu maith. Mar sin taireis do ’n Tighearna laibhairt riu, ghabhadh suas gu neamh è, agus shuidh sè air deas làimh Dhe. Agus air dhoibhsin dol amach, shearmonaich iad ann s gach uile àite, air bhi do ’n Tighearn’ a’ comh-oibreachadh leo, agus a’ daingneachadh an fhocail leis na comharthaibh a lean è. An Dòmhnach an deigh la na Deasghabhail. An Urnuigh. O Dhe, a Righ na glòire, a thog suas t-aon Mhac Josa Criosd le mòr chaithream-buaigh a dh’ ionnsuidh do rioghachd air neamh; guidheamaid ort na fàg gun cho’fhurtach sinn; ach cuir d’ air n-ionnsuidh do Spiorad naomh a thoirt sòlais dhuinn, agus tog suas sinn a chum an àite cheudna gus an deachuidh ar slanui’fhear Criosd romhainn, ata beo agus a riaghlucha’ maille riutsa, agus ris an Spiorad naomh, aon Dia, saoghal gun chrìch. Amen. An Litir. 1 Phead. iv. 7 ATa crioch nan uile nithe am fogus: uime sin bithibh measarra, agus deanaibh faire chum ùrnuigh. Agus roimh gach uile nithe biodh agaibh teas-ghràdh d’a chèile: oir cuiridh gràdh folach air mòran pheacanna. Thugaibh aoidheachd d’a chèile gun mhonmhor. Reir mar a fhuair gach aon an tiodhlac’, mar sin deanaibh ministreileachd d’a chèile, mar dheadh stiùbhardaibh air gràs eagsamhuil De. Ma labhras neach sam bith, labhradh è mar òracla Dhe; ma ’ta neach sam bith re ministreileachd, deanadh è i mar o ’n chomas a bheir Dia dha: chum gu ’m bi Dia air a ghlòrachadh ann sna h’ uile nithibh trìd Josa Criosd; dha-san gu raibh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen. [TD 120] An Soisgeul. Ioin xv. 26. agus cuid do’n xvi. ’NUair a thig an Comh fhurtoir, a chuireas mise d ’ar ionnsuidh o’n Athair, Spiorad na fìrinn, a tha teachd amach o’n Athair, ni eisean fia’nais mu m’ thimchiollsa. Agus ni sibhse fia’nais mar an ceudna, do bhri’ gu bheil sibh maille rium o thùs. Na nithe so labhair mi ribh, chum nach fuigheadh sibh oilbheum. Cuiridh iad as an t sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge b’è neach a mharbhas sibh, gu ’n saoil è gu bheil è deanamh seirbheis do Dhia. Agus ni iad na nithe so dhuibh, do bhri’ nach b’ aithne dhoibh an t Athair, no mise. Ach dh’ innis mi na nithe so dhuibh chum ’s ’n uair a thig an t àm, gu ’n cuimhnich sibh gu ’n d’ innis mise dhuibh iad. Dòmhnach na Cuingis. An Urnuigh. A Dhe, a theagais croidheachan do phobuil fhìrinich fein, le solus do Spiorad naomh a chur d’ an ionnsuidh mar air an àm so; deonuich dhuinn leis an Spiorad cheudna breath’anas ceart do bhi againn ann ’s gach uile nì, agus gairdeachas gu brath do dheanamh ’n a cho’fhurtachd naomh-san, trid toiltinis Josa Criosd ar slanu’fhear, ata beo agus a’ riaghladh maille riut-sa, ann aonachd an Spioraid cheudna, aon Dia, saoghal gun chrìch. Amen. Air son na Litir. Gniomh ii. 1. ’NUair a bha là na cuingis gu h iomlan air teachd, bha iad gu lèir a dh’aon inntin ann aon àite. Agus thainig gu h obann toirm o neamh, mar shèideadh gaoithe ro-thrèin, agus lion i an tigh uile far an raibh iad ’n an suidhe. Agus dh’ foillficheadh dhoibh teangaidh sgoilte, mar do theine, agus shuidh è air gach aon aca fa leth: Agus lionadh iad uile leis an Spiorad naomh agus thòsaich iad air labhairt le teangaibh eile, a reir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhoibh. Agus [TD 121] bha iad a’ gabhail comhnuidh ann Jerusalem, Judhaich, daoine cràbhach do gach uile chinneach fuidh neamh. ’Noise ’n uair a sgaoileadh an sgeul’ so thainig an sluagh an ceann a chèile, agus iad fuidh amhluadh, do bhri’ gu ’n cuala gach aon iad a’ labhairt ’n an cànmhuin fein. Agus bha iad uile fuidh ua’bhas agus ghabh iad iongantas, ag radh r’a chèile, Fèuch, nach Galileanaich iad sin uile a ’ta labhairt? Agus cionnas ata sinne ’g an cluinntin gach aon ann ar cànmhuin fein, ann s an d’rugadh sinn? Partich, agus Medich, Elamitich, agus luchd-àiteachadh Mhesopotamia, Judea, agus Chappadocia, Phontuis, agus Asia, Phrigia, agus Phamphilia, na h Eipht, agus chriocha na Libia, timchioll Chirene, agus coigrich o’n Ròimh, Judhaich agus Proselitich, Muintir Chrete, agus Arabia, ata sinn ’g an cluinntin a’ labhairt ’n ar teangaibh fein gniomhartha mòrdhalacha Dhe. An Soisgeul. Ioin xiv. 15. DUbhairt Josa r’a dheisciobuil, ma ’s toigh libh mise, coimheadaibh m’ àitheanta. Agus guidhidh mise a t Athair, agus bheir è dhuibh Comh-fhurtoir eile, chum ’s gu fan è do ghnà’ maille ribh; Spiorad na fìrinn, neach nach urradh an saoghal a ghabhail, do bhri’ nach ’eil è ’g a fhaicsin, agus nach aithne dha è: ach is aithne dhuibhse è, oir ata sè fantuin maille ribh, agus bithidh sè ionnaibh. Cha ’n fhàg mi sibh ’n ar dìlleachdaibh; thig mi d’ar ionnsuidh. Tamull beag fòs, agus cha ’n fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chi sibhse mi: do bhri’ gu bheil mise beo, bithidh sibhse beo mar an ceudna. Ann san là sin bithidh fios agaibh gu bheil mise ann m’ Athair, agus sibhse ionnamsa, agus mise ionnaibhse. An ti aig am bheil m’ àitheanta-sa, agus ata ’g an coimhead, is eisean aig am bheil gràdh dhamh-sa: agus an ti aig am bheil gràdh dhamh-sa, gràdhaichear le m’ Athair è, agus gràdhaichidh mise è, agus foillsichidh mi mi fein da. Deir Judas (ni h è Iscariot) ris A Thighearna, cionnas ata è tachairt gu ’m foillsich thu thu fein dhuinne, agus nach dean thu sin do ’n t saoghal? Fhreagair Iosa agus a dubhairt sè ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh sè m’ fhocal: agus gràdhaichidh m’ Athair eisean, agus thig sinn d’a ionnsuidh, agus ni sinn comhnuidh maille ris. An ti nach gràdhaich mise, cha choimhid è mo bhriathra: agus am focal ata sibh a’ cluinntin, cha leamsa è, ach leis an Athair [TD 122] a chuir uaithe mi. Na nithe so labhair mi ribh, air dhamh bhi m’ chomhnuidh maille ribh: Ach an Comh-fhurtoir, an Spiorad naomh, a chuireas an t Athair uaithe a’ m’ ainmse, teagaisgidh eisean dhuibh na h uile nithe, agus cuiridh sè ’n cuimhne dhuibh na h uile nithe a labhair mise ribh. ’Ta mi fàgail sìth agaibh, mo shìths’ ata mi toirt duibh: cha ’n ann mar a bheir an saoghal ata mise toirt duibh. Na biodh bhur croidhe fuidh thriobloid, agus na biodh eagal air. Chuala sibh mar a dubhairt mi ribh, Tha mi falbh, agus thig mi a-ris d’ar ionnsuidh. Nam biodh gràdh aguibh dhamh-sa, bhiodh aoibhneas oirbh, do bhri’ gu’ n dubhairt mi, Ata mi dol chum an Athar: oir is mò m’ Athair na mise. Agus a noise dh’ innnis mi dhuibh so roimh dha teachd gu chrìch, chum’s ’n uair a thig è gu crìch, gu creideadh sibh. A so suas cha labhair mi mòran ribh: oir ata uachdaran an t saoghail so a’ teachd, agus cha ’n ’eil ni air bith aige ionnamsa. Ach a chum’s gu ’m bi fios aig an t saoghal gur ionmhuinn leam an t Athair; agus mar a thug an t Athair àithne dhamh, mar sin ata mi a’ deanamh. Dia luain ann Seachd’uin na Caingis. An Urnuigh. A Dhe, a theagais croidheachan do phobuil fìrinich fein, le solus do Spiorad naomh a chur d’ an ionnsuidh mar air an àm so; deonuich dhuinn leis an Spiorad cheudna breath’anas ceart do bhi againn ann ’s gach uile nì, agus gairdeachas gu brath do dheanamh ’n a cho’fhurtachd naomh-san, trid toiltinis an Criosd Josa ar slanu’fhear; ata beo agus a’ riaghladh maille riut-sa, ann aonachd an Spiorad cheudna, aon Dia, saoghal gun chrìch. Amen. An Litir. Gniomh x. 34. DH’fhosgail Peadar a bheul, agus a dubhairt sè, Gu fìrinneach ata mi ’g aithneachadh nach ’eil Dia ag amharc air pearsaibh seach a chèile: Ach ann s gach uile chinneach, ata an neach air am bheil eagalsan, agus a ’ta ’g oibrea- [TD 123] cadh fìreantachd, taitneach aige. Am focal a chuir Dia gu clann Israeil, a’ searmonachadh sìth tre Josa Criosd (is eisean Tighearna nan uile) Am focal sin is aithne dhuibh, a sgaoileadh air feadh tìr’ Judea uile, agus a thionnsgain o’n Ghalilee, ann diaigh a’ bhaisdidh a shearmonaich Eoin: Cionnas a dh’ung Dia Josa o Nasaret leis an Spiorad naomh, agus le cumhachd; neach a chuaidh m’an cuairt a’ deanamh maith, agus a’ slanuchadh gach uile a bha air am foireigneachadh leis an diabhol: oir bha Dia maille ris. Agus ata sinne ’n ar fia’naisibh air na h uile nithibh a rinn è faraon ann an tìr nan Judhach, agus ann Jerusalem; neach a mharbh iad ’g a chrochadh air crann: Eisean thog Dia suas air an treas là, agus nochd sè è gu follasach. Cha ’n ann do ’n t sluagh uile, ach do fhia’naisibh, a thaghadh le Dia roimh làimh, eadhon dhuinne, a dh’ith agus a dh’òl maille ris ann diaigh dha eirigh o na marbhaibh. Agus dh’àithn è dhuinne searmonachadh do’n t sluagh, agus fia’nais a dheanamh gur eisean a dh’òrduicheadh le Dia ’n a bhreitheamh air bheothaibh agus air mharbhaibh. Dha-sa tha na fàidhean uile a’ toirt fia’nais, gu’m fuigh gach uile neach a chreideas ann maitheanas ’n am peacadh trìd ainm-sin. Am feadh a bha Peadar fòs a’ labhairt nam briathra sin, thuirling an Spiorad naomh orra-san uile a chual’ am focal. Agus ghabh na creidmhich do’n timchioll-ghearradh, a mhèud diubh ’s a thainig maille re Peadar, iongantas mòr, do bhri’ gur dhòirteadh air na cinneachaibh fòs tiodhlac’ an Spioraid naoimh. Oir chuala siad iad a’ moladh Dhe. Ann sin fhreagair Peadar, am feud neach sam bith uisge a thoirmeasg, chum nach rachadh iad so a baisteadh, a fhuair an Spiorad naomh, co’-maith ruinne? Agus dh’ òrduich sè iad a bhi air am baisteadh ann ainm an Tighearna. Ann sin ghuidh iad air fantuin maille riu làithe’ àraidh. An Soisgeul. Ioin iii. 16. OIr is mar sin a ghradhaich Dia an saoghal, gu’n d’ thug è aon-ghin Mhic fein, chum’s ge b’è neach a chreideas ann nach rachadh a sgrios, ach gu ’m biodh a’ bheatha shiorruidh aige. Oir cha do chuir Dia a Mhac do’n t saoghal, chum gu ’n dìteadh è ’n saoghal; ach a chum gu ’m biodh an saoghal air a shàbhaladh trìdsin. An ti a chreideas ann, cha dìtear è: ach an ti nach creid ann, ata sè air a dhìteadh cheana, chionn nach do creid è ann ainm aoin-ghin Mhic Dhe. [TD 124] an damnadh, g u’n d’ thainig solus do ’n t saoghal, agus gu ’n do ghràdhaich daoine an dorchadas ni ’s mò na ’n solus, air son gu’n raibh an gniomhartha olc. Oir gach uile neach at ’a deanamh uilc, ’ta è toirt fuath do ’n ’t solus, agus cha ’n ’eil è teachd chum an t soluis, an t eagal gu ’m biodh oibridh air an cronachadh. Ach an ti a ni ’n fhìrinn, thig è chum an t soluis, chum ’s gu ’m bi oibre follasach, gur an Dia a rinneadh iad. Dia-mairt ann Seachd’uin na Caingis. An Urnuigh. A Dhe, a theagais croidheachan do phobuil fìrinich fein, le solus do Spiorad naomh a chur d’ an ionnsuidh mar air an àm so; deonuich dhuin leis ’an Spiorad cheudna breath’anas ceart do bhi againn ann ’s gach uile nì, agus gairdeachas gu brath do dheanamh ’n a cho’fhurtachd naomh-san, trid toiltinis Criosd Josa ar slanu’fhear, ata beo agus a’ riaghladh maille riut-sa, ann aonachd an Spiorad cheudna, aon Dia, saoghal gun chrìch. Amen. Air son na Litir. Gniomh. viii. 14. ’NUair a chuala na h abstoil a bha an Jerusalem, gur ghabh Samaria focal De, chuir iad d’ an ionnsuidh Peadar agus Eoin: Agus air dol sios dhoibh, ghuidh iad air an son gu ’m fuigheadh iad an Spiorad naomh (Oir cha d’ thainig è fòs a nuas air a h aon aca: ach amhain bhaisteadh iad ann ainm an Tighearna Josa) Ann sin chuir iad an làmhan orra, agus fhuair iad an Spiorad naomh. An Soisgeul. Ioin x. 1. GU deimhin, deimhin a deirim ribh, An ti nach d’ theid a stigh tre ’n dorus do chrò nan caorach, ach a theid suas air sheol eile, is gàduiche agus fear-reubainn eisean. Ach an [TD 125] ti a theid a steach air an dorus, is eisean buachaille nan caoraich. Dha-san fosglaidh an dorsfhear; agus eisdidh na caoraich r’a ghuth: agus goiridh sè chaoraich fein air an ainm, agus treòraichidh sè mach iad. Agus ’n uair a chuireas è ’mach a chaoraich fein, im’ichidh sè rompa, agus leanaidh na caoraich è: oir is aithne dhoibh a guth. Agus cha lean iad coigreach, ach teichidh iad uaithe: do bhri’ nach aithne doibh guth choigreach. An cosamhlachd so labhair Josa riu: ach cha do thuig iadsan creud iad na nithe labhair è riu. Ann sin a dubhairt Josa riu a-rìs, Gu deimhin, deimhin a deirim ribh, gur mise dorus nan caorach. Iadsan uile a thainig romhamsa, is gaduichean agus luchd-reubainn iad: ach cha d’ eisd na caoraich riu. Is mise an dorus ma theid neach air bith steach triomsa, sàbhalar è, agus theid è steach agus a mach, agus gheibh sè ionaltradh. Cha d’ thig an gaduiche ach a ghoid, agus a mharbhadh, agus a mhilleadh: thainig mise chum ’s gu ’m biodh beatha aca, agus gu ’m biodh i aca ni ’s pailte. Dòmhnach na Trionaid. An Uirnuigh. A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, a thug gràs dhuinne do sheirbheisich, le aidmheil an f’hior chreidimh, glòir na Trionaid shiorruidh aid’eacha’, agus an cumhachd na Mòrachd dhiaghaidh ag adhradh an’ aonachd; guidheamid ort gu ’n gleidheadh tu sinn gu bunailteach ann sa’ chreidimh so, agus dion sinn gu brath o gach uile amhghar, o’s tu-sa ata beo agus a’ riaghladh aon Dia, saoghal gun chrìch. Amen. Air son na Litir. Foils. iv. 1. ANn diaigh so dh’ amhairc mi, agus fèuch, bha doras fosgailte air neamh; agus bha an ceud ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompoid a’ labhairt rium, ag radh, Thig a nìos ann so, agus nochdaidh mise dhuit nithe a’s eigin tachairt ann diaigh so. Agus air ball bha mi san Spiorad: agus fèuch, bha [TD 126] righ-chaithir air a suidheachadh air neamh, agus bha neach ’n a shuidhe air a’ chaithir. Agus bha an ti a shuidh, re amharc air, cosmhuil re cloich Iaspis agus Shardis: agus bha bogha-frois timchioll na righ-chaithreach mu ’n cuart, cosmhuil, r’a fhaicsinn, re Emerald. Agus tiomchioll na righ chaithreach bha ceithir chaithriche fichead; agus air na caithrichibh chunnairc mi ceithir seanoiridh fichead ’n an suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhibh geala; agus bha aca air an cinn corona òir. Agus chuaidh amach as an righ-chaithir dealanaich, agus tairneanach, agus guthanna: agus bha seachd lòchrainn theine a’ dearg lasadh am fia’nais na righ-chaithreach, nithe a’s iad seachd spiorada Dhe. Agus roimh an righ-chaithir bha fairge ghloine cosmhuil re criostal: agus ann am meadhon na righ-chaithreach, agus mu ’n cuairt do’ n righ-chaithir bha ceithir bheathaiche làn do shùilibh air am beul thaobh agus air an cùl-thaobh. Agus bha an ceud bheathach cosmhuil re leòmhan, agus an dara beathach cosmhuil re laogh, agus bha aig an treas beathach aghaidh mar dhuine, agus bha an ceathramh beathach cosmhuil re iolair ag itealaich. Agus bha aig na ceithir bheathaichibh, gach aon aca fa leith, sea sgiathan mu ’n cuart da, agus bha iad làn do shùilibh ’n taobh a stigh; agus ni ’n sguir iàd a là no dh’ oidhche, ag radh, Naomha, naomha, naomha, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, neach a bha. agus a ’ta, agus a bhitheas. Agus ’n uair a thug na beathaiche sin glòir, agus onoir, agus buidheachas do ’n ti a bha ’n a shuidhe air àn righ-chaithir, neach a ’ta beo gu saoghal nan saoghal, thuit na ceithir seanoiridh fichead sios ann làthair an ti a bha ’n a shuidhe air an righ-chaithir, agus rinn iad àdhradh dha-san a ’ta beo gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sios an corona ann làthair na righ-chaithreach, ag radh, is airidh thusa a Thighearna, air glòir, agus onoir, agus cumhachd fhaghail: oir chruthaich thu na h uile nithe, agus air son do thoil-se ’ta iad, agus chruthaicheadh iad. An Soisgeul. Eoin iii. 1. BHa duine do na Phairsichibh, d’ am b’ ainm Nicodemus, a bha ’n a uachdaran air na h Judhachaibh: Thainig eisean chum Josa san oidhche, agus a dubhairt sè ris, A mhaighisdir ata fhios againne gur fear-teagaisg thu a thainig o Dhia: oir cha ’n urradh duin’ air bith na miorbhuile so dheanamh, a’ta thus’ a’ dheanamh mur bhi Dia maille ris. Freagair Josa agus a dubhairt [TD 127] sè ris, Gu deimhin, deimhin a deirim riut, mur beirthear duine a-rìs, nach fheudar leis rioghachd Dhe fhaicsin. A dubhairt Nicodemus ris, Cionnas a dh’ fheudas duine bhi air a breith ’n uair ata sè aosda? am bheil è comasach air dol a stigh an dara uair do bhroinn a mhàthar, agus bhi air a bhreith? Fhreagair Josa, Gu deimhin, deimhin a deirim riut, mur bi duine air a bhreith o uisge, agus o’n Spiorad, cha ’n urradh è dol a stigh do riogachd Dhe. An ni sin a ’ta air a bhreith o’n fheoil, is feoil è; agus an ni sin at ’a air a bhreith o’n Spiorad, is spiorad è. Na gabh iongantas gu ’n dubhairt mi riut, Is eigin duibh bhi air bhur breith a-rìs. ’Ta ghaoth a’ sèideadh far an àill leatha, agus ata thus’ a’ cluinntin a fuaim, ach ni ’m bheil fhios agad co as ata i teachd, no c’ àit’ ata i dol: is ann mar sin ata gach neach a ’ta air a bhreith o’n an Spiorad. Fhreagair Nicodemus agus a dubhairt sè rìs, Cionnas a dh’ fheudas na nithe so bhi? Fhreagair Josa agus a dubhairt sè ris, Am bheil thus’ a’ d’ fhear-teagaisg ann Israel, agus nach aithne dhuit na nithe so? Gu deimhin, deimhin a deirim riut, gu bheil sinne a’ labhairt a’ ni a ’s fios duinn, agus a’ toirt fia’nais air an ni sin a chunnaic sinn; agus cha ghabh sibh ar fia’nais-ne. Ma dh’innis mi dhuibh nithe talmhaidh, agus nach creid sibh, cionnas a chreideas sibh ma dh’ innseas mi dhuibh nithe neamhaidh? Agus cha deachaidh aon neach suas gu neamh, ach an ti a thainig a nuas o neamh, eadhon Mac an duine a ’ta air neamh. Agus mar a thog Maois suas an naithir san fhàsach, is ann mar sinn is eigin do Mhac an duine bhi air a tho’gail suas: Chum’s ge b’è neach a chreideas ann, nach rachadh a sgrios, ach gu ’m biodh a’ bheatha mhairtheanach aige. An ceud Domhnach an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Dhe is tu neart gach neach ata cur an dòchas ann-ad; gabh gu tròcaireach r’ ar n-urnuigh: agus do bhri, tre anmhuineachd ar natuir bàsmhor, nach urain sinn nì maith air bith a dheanamh as t-eugmhais, deonuich dhuinn comhnadh do ghràis; chum an coimhid t-àitheanta, gu ’n toilich sinn ù [TD 128] araon ann toil agus an’ gniomh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 1 Ioin. iv. 7. A Mhuintir ionmhuinn, gràdhaicheamaid a cheile: oir is ann o Dhia tha ’n gràdh; agus gach uile neach a ghràdhaicheas, ghineadh o Dhia è, agus is aithne dha Dia. An ti nach gràdhaich, ni h aithne dha Dia; oir is gràdh Dia. Ann so dh’ fhoillsichcheadh gràdh Dhe dhuine, do bhri’ gu ’n do chuir Dia aon-ghin Mhic do’n t saoghal chum gu ’m bitheamaid-ne beo trìd sin. Ann so ’ta gràdh, ni h è gu ’n do ghràdhaich sinne Dia, ach gu ’n do ghradhaich eisean sinne, agus gu’n do chuir è a Mhac fein chum bhi ’n a ìobairt-rèitich air son ar peacaidh-ne. A mhuintir ionmhuinn, ma ghràdhaich Dia sinne mar sin, tha dh’ fhiachaibh oirne chèile a ghràdhachadh mar an ceudna. Cha ’n fhaca neach air bith Dia riamh. Ma ghràdaicheas sinn a chèile, tha Dia ’n a chomhnuidh annainn, agus ata a ghràdh air a dheanamh foirse annainn. O so is aithne dhuinn gu bheil sinne ’n ar comhnuidh annsan, agus eisean annainne, do bhri’ gu’n d’ thug è dhuinn d’a Spiorad. Agus chunnairc sinn, agus tha sinn a’ deanamh fia’nais, gu’n do chuir an t Athair am Mac uaithe chum bhi ’n a Shlànui’-fhear an domhain. Ge b’è neach a dh’ aidmhicheas gur è Josa Mac Dhe, tha Dia ’n a chomnuidh annsan, agus eisean ann Dia. Agus dh’ aithnich sinne agus chreid sinn an gràdh a ’ta aig Dia dhuinn. Is gràdh Dia; agus an ti a ’ta fantuinn ann gràdh, ’ta è ’n a chomhnuidh ann Dia, agus Dia ann-san. Ann so tha ar gràdh-ne air a dheanamh coi’-lionta, chum’s gu’m bi againn dànachd ann là a’ bhreitheanais: do bhri’ mar a tha eisean, gur amhuil sin tha sinne san t saoghal so mar an ceudna. Ni bheil eagal ann an gràdh; ach tilgidh gràdh diongmhalta an t eagal amach: do bhri’ gu bheil pian san eagal: an ti a ’ta eaglach, cha d’ rinneadh coi’-liont’ ann an gràdh è. Tha gràdh againne dha-san, do bhri’ gur ghràdhaich eisean sinn ann toiseach. Mar deir neach, Tha gràdh agam do Dhia, agus fuath aige d’a bhrathair, is breugoir’ è: oir an ti nach gràdhaich a bhràthair a chunnaic è, cionnas a dh’ fheudas è Dia nach fac’ è, a ghràdhachadh? Agus an àithne so ’ta againn uaithe-sin. An ti ghràdhaicheas Dia, gu’ n grádhaicheadh è a bhráthair mar an ceudna. [TD 129] An Soisgeul. Luc. xvi. 19. BHA duine saibhir àraidh ann, a bha air a sgeudachadh le purpuir agus lion-eadach grinn, agus bha è caitheamh a bheatha gach lá gu sòghail le mòr-ghreadhnachas. Agus bha duine bochd áraidh ann, d’ am b’ainm Lasarus, a chuireadh ’n a luidhe aig a dhorus, lán do chreuchdaibh, agus bu mhiann leis bhi air a shàsuchadh leis a’ phronn bhiadh a bha tuiteam o bhòrd an duine shaibhir: tuilleadh eile, thainig na madraidh agus dh’ imlich siad a chreuchda. Agus tharladh gu ’n d’ fhuair an duine bochd bàs, agus gu ’n do ghiulaineadh leis na h ainglibh è gu uchd Abraham: fhuair an duine saibhir bàs mas an ceudna, agus dh’ adhlaiceadh è. Agus ann an ifrionn thog è suas a shùile, air dha bhi ann am piantaibh, agus chunnaic è Abraham fada uaithe, agus Lasarus ’n a uchd. Agus ghlaodh è, agus a dubhairt sè, Athair Abraham, dean tròcair orm, agus cuir Lasarus, chum ’s gu ’n tum sè barr a mheoir ann uisge, agus gu ’m fuaraich sè mo theanga; oir ata mi air mo ro-phianadh san lasair so. Ach a dubhairt Abraham, A mhic, cuimhnich gu ’n d’ fhuair thusa do nithe maithe re àm dhuit bhi beo, agus Lasarus mar an ceudna droch nithe; ach a nois’ ata eisean a’ faghail sòlais, agus ata thusa air do phianadh. Agus a bharr air so uile, ata doimhne mhòr air a cur eidir sinne agus sibhse: air chor agus iadsan leis am b’àill dol as so d’ ar ionnsuidhse, nach ’eil è ’n comas doibh; agus cha mhò ’ta è ’n comas do aon neach teachd as sin d’ ar n ionnsuidh-ne. Ann sin a dubhairt sè, Uime sin guidheam ort, athair, gu ’n cuireadh tu è gu tigh ’m athair: Oir ata agam cuignear bhraithre: chum ’s gu ’n toir è fia’nais doibh, ’n t eagal gu ’n d’ thig iadsan mar an ceudna do ’n ionad ro phiantach so. A deir Abraham ris, Ata Maois agus na faidhean aca; eisdeadh iad riu-san. Agus a dubhairt eisean, Ni h eadh, athair Abraham: ach ma theid neach d’ an ionnsuidh o na marbhaibh, ni siad aithreachas. Agus a dubhairt sè ris, Mur eisd iad re Maois agus ris na faidhibh, ni mò a chreideas iad, ge d’ eir’eadh neach o na marbhaibh. [TD 130] An dara Dòmhnach an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Thighearna, nach dean fàilne gu brath an còmhnadh a thoirt agus a stiuradh an dream sin a thog ù suas ann a’ d’ eagal agus ann a’ d’ ghrádh diong’alt fein: Guidhemid ort, gleidh sinn fuidh dhìdin do fhreasdail mhaith, agus deonuich gu ’m bi sior eagal agus gràdh t-ainm againn, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 1 Ioin iii. 13. NA gabhaibh iongantas, mo bhraithre, ge do dh’ fhuathaicheas an saoghail sibh. Tha fhios againn gu ’n deacaidh sinn thairis o bhas gu beatha, do bhri’ gu bheil gradh againn do na braithribh: an ti nach gradhaich a bhrathair, ’ta è fantuinn ann am bàs. Gach uile neach a dh’ fhuathaicheas a bhrathair, is mortfhear è: agus tha fhios agaibh nach ’eil aig mort fhear sam bith a’ bheatha mhairtheanach a’ fantuinn ann. Leis a so is aithne dhuinn gradh Dhe, do bhri’ gu’n do leig eisean anam fein air ar son: agus is còir dhuine ar n anama fein a leagadh sios air son nam braithre. Ach ge b’è neach aig am bheil maoin an t saoghail so, agus a chi a bhrathair ann uireasbhuidh, agus a dhruideas a chroidhe ’n a aghaidh, cionnas ata gradh Dhe a’ gabhail comhnuidh ann-san? Mo chlann bheag, na gradhaicheamaid ann an guth, no ann an teangaidh, ach ann an gniomh agus ann am fìrinn. Agus le so is aithne dhuinn gu bheil sinn do ’n fhìrinn, agus bheir sinn cinte d’ar croidhibh ’n a lathair do thaobh sin. Oir ma dhìteas ar croidhe sinn, is mò Dia na ar croidhe, agus is aithne dha na h uile nithe. A chairde gradhach, mur dìt ar croidhe sinn, tha danachd againn thaobh Dhe, agus ge be ni a dh’iarras sinn gheibh sinn uaithne è, do bhri’ gu bheil sinn ag coimhead aitheanta, agus a’ deanamh nan nithe a ’ta taitneach ’n a fhia’nais. Agus is i so aithne-sin, gu ’n creideamaid ann ainm a Mhic Josa Criosd, agus gn ’n gra- [TD 131] dhaicheamaid a chèile, mar a thug eisean aithne dhuinn. Agus an ti a choimheadas âitheanta-san, tha è gabhail comhnuidh ann, agus eisean ann-san: agus le so aithnicheamaid gu bheil eisean a’ fuireach annainn, o’n Spiorad a thug sè dhuinn. An Soisgeul. Luc. xiv. 16. ACH a dubhairt eisean ris, Rinn duine araidh suipeir mhòr, agus thug è cuireadh do mhòran: Agus chuir è sheirbhiseach uaithe ann am na suipeire, a radh ris a’ mhuintir a fhuair cuireadh, Thigibh, oir ata na h uile nithe a nois’ ullamh. Agus thòsaich iad uile a dh’ aon ghuth r’an leith-sgeul a ghabhail. A dubhairt an ceud fhear ris, Cheanaich mi fearann, agus is eigin damh dol amach agus fhaicsin: guidheam ort, gabh mo leith-sgeul. Agus a dubhairt fear eile, Cheannaich mi cuig cuing’ dhamh, agus ata mi dol g’ an dearbhadh: guidheam ort gabh mo leith-sgeul. Agus a dubhairt fear eile, Phos mi bean, agus air an àdhbhar sin cha ’n ’eil è ’n comas damh teachd. Agus thainig an seirbhiseach sin, agus dh’ innis è na nithe sin d’a thigearna. Ann sin air gabhail feirge do fhear an tighe, a dubhairt sè r’a sheirbhiseach, Rach amach gu grad gu sraidibh agus gu caol-shraidibh a’ bhaile, agus thoir a stigh ann so na bochdan, agus na daoine ciurramach, agus na bacaich, agus na doill. Agus a dubhairt an seirbhiseach, A Thighèarna, rinneadh mar a dh’ orduich thu, gidheadh ’ta àite folamh an fòs. Agus a dubhairt an Tighearna ris an t seirbhiseach, Im’ich amach gus na ròdaibh mòra agus na garachaibh, agus coì’-eignich iad gu teachd a steach, chum ’s gu ’m bi mo thigh air a lionadh. Oir a deirim ribh, nach blais a h aon do na daoinibh ud a fhuair cuireadh, do m’ shuipeir-se. [TD 132] An treas Domhnach an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Thighearn, guidhemid ort gu ’n èisdeadh tu ruinn gu tròcaireach; agus deonuich dhuinne, d’ an d’ thug ù togradh cridhe gu urnuidh do dheanamh, gu ’m bi sinn air ar dion agus air ar comhfhurtachadh le d mhòr chòmhnadh ann sgeach uile chunnartan agus amhghar, trìd Iosa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 1 Phead. v. 5. BIthibh uile ùmhal d’a chèile, agus bithibh air bhur sgeadachadh le h irioslachd: oir ata Dia a’ cur ann aghaidh nan uaibhreach, ach a toirt gràis dhoibhsin a ’ta iriosal. Uime sinn ìslichibh sibh fein fuidh láimh chumhachdaich Dhe, chum as gu ’n arduich è sibh ann am iomchu’idh: A’ tilgeadh bhur n uile chùram air, oir ata cùram aige dhibh. Bithibh measurra, deanaibh faire; do bhri’ gu bheil bhur namhad an diabhol, mar leomhan beuchdach, ag im’eachd mu ’n cuairt a’ sireadh co a dh’ fheudas è shlugadh suas. Cuiribhse ’n a aghaidh, air dhuibh bhi daingean sa chreidimh, agus fhios a bhi agaibh gu bheil na fulangais cheudna air an coi’-lionadh ann bhur braithribh a ’ta san t saoghal. Ach gu deanadh Dia fein nan uile ghras, a ghairm sinne chum a ghlòire shiorruidh trìd Iosa Criosd, taireis duibh fulang rè uine bhig, sibhse foirfe, gu daingnicheadh, gu neartaicheadh, gu socraicheadh è sibh. Dha-san gu raibh glòir agus cumhachd, gu saoghal nan saoghal. Amen. An Soisgeul. Luc. xv. 1. ANN thainig na puibliocanaich uile agus na peacaich am fogus da, chum eisteachd ris. Agus rinn na Phairisich agus na Sgriobhuichean monmhor, ag radh, Ta ’m fear so ga- [TD 133] bhail pheacach d’a ionnsuidh, agus ag itheadh maille riu. Agus labhair eisean an cosamlachd so riu, ag radh, Co an duin’ agaibhs’ aig am bheil ceud caora, ma chailleas è h aon aca, nach fàg an naoi’-deug agus an ceithir fichead ann san fhásach, agus nach d’ theid ann deigh na caorach ud a chailleah, gus am fuigh sè i? Agus air dha a faghail, cuiridh sè air a guaillibh i, le gairdeachas. Agus ’n uair a thig è dha thigh, gairmidh sè a chairde agus a choimhearsnaich ann cean a chèile ag radh riu, Deanaibh gàirdeachas maraon riumsa, chionn gu ’n d’ fhuair mi mo chaora bha caillte. Mar sin, a deirim ribh, gu’m bi aoibhneas air neamh air son aon pheacaich a ghabhas aithreachas, ni ’s mò na air son naoi’-deug agus ceithir fichead fìrean aig nach ’eil feum air aithreachas. No co a’ bhean aig am bhuil deich buinn airgid, ma chailleas i aon bhon diubh, nach las coinneal, agus nach sguab an tigh, agus nach iarr gu dichiollach gus am fuigh si è? Agus air dh’i fhaghail, goiridh si a ban chàrde agus a ban choimhearsnaich ann ceann a chèile, ag radh, Deanaibh gàirdeachas leamsa, or fhuar mi ’m bonn a chaill mi. Mar an ceudna a deirim ribh, Ata gairdeachas ann làthair aingle Dhe, air son aon pheacaih a ni aithreachas. An ceathramh Domhnach an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Dhe, fear-dion gach uile neach a chuireas an dòchas ann-ad, as t-eugmhais cha ’n ’eil nì air bith làidir, no nì air bith naomh; meaduich agus cuir an lionmhoiread do thròcair oirn-ne; ionnas air bhi dhuitse a’ t-fhear riaghluidh agus a t-fhear stiuraidh againn, gu ’n d’ theid sinn tre nithibh saoghalta, air doigh nach caill sinn nithe siorruidh fa dheoigh: Deonuich so, O Athair neamhuidh, air sgà Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Rom. viii. 18. OIR measam, nach fiu fulangais na h aimsir a ’ta làthair, an coi’ meas ris a’ ghlòir a dh’ fhoillsichear annainn. Oir ata dùil dhùrachdach a’ chruthaichaidh a’ feitheamh re foillseach- [TD 134] adh cloinne Dhe. Oir chuireadh an cruthacha’ fuidh dhiomhaoineas, ni h ann le thoil, ach trìd-sin a chuir fuidh dhiomhaoineas è ann dòchas: Do bhri’ gu ’n sàorar an cruthacha’ fein fòs o dhaorsa na truaillidheachd, gu saorfa ghlórmhor cloinne Dhe. Oir ata fhios againne gu bheil an cruthachadh uile ’g osnaich, agus am pèin mar mhnaoi re cloinn, maraon ruinne gus an àm so: Agus ni h è so amhain, ach sinn fein mar an ceudna, aig am bheil ceud thoradh an Spioraid, ata eadhon sinne ’g osnaich annain fein, a’ feitheamh ris an uchd-mhacachd, eadhon saorsa ar collaidh. An Soisgeul. Luc. vi. 36. BIthibhse uime sin tròcaireach, mar ata bhur n Athair fós trócaireach. Agus na thugaibh breith, agus cha toirear breith oirbh: na ditibh, agus cha dìtear sibh: thugaibh maitheanas, agus bheirthear maitheas dhuibh: Thugaibh uaibh, agus beirthear dhuibh; deadh thomhas, air a gheinneadh, agus air a chratha’ re chèile, agus ag cur thairis, bheir daoine ann bhur n uchd: oir leis an tomhas a thomhaiseas sibh, tomhaisear dhuibh a-rìs. Agus labhair sè cofamhlachd riu, Am feud an dall dàll a threòrachadh? ’n è nach tuit iad faraon san dìge? Cha ’n ’eil an deisciobul os ceann a mhaighisdir: ach ge b’ è neach ata coi’-lionta, bithidh sè mar a mhaighisdir. Agus c’ar son ata thu faicsin an caimein ata ann sùil do bhrathar, agus nach eil thu toirt fainear an t sail ata an do shuil-fein? No cionnas a dh’fheudas tu radh re d’ bhrathair, A brathair, leig dhamh an caimein thoirt a’ d’ shùil, agus nach ’eil thu toirt fainear an t sail ata ann do shùil fein? A chealgoir, tilg amach air tùs an t sail as do shùil fein, agus an sin is lèir dhuit gu soilleir an caimein ata ann sùil do bhrathar a thoirt aisde. An cuigeamh Dòmhnach an deigh na Trionaid. An Urnuigh. DEeonuich, O Thighearn, tha sinn a guidhe ort, gu ’m biodh staid an t-saoghail so air a h-orduchadh co siochainteach le d’ stiuradh, a ’s gu ’n dean t-Eeaglais seirbheis [TD 135] dhuit gu h-aoibhneach ann sgach uìle shuaimhneas diaghaidh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 1 Phead. iii. 8. BIthibh uile a dh’aon inntin, biodh co’-fhulangas agaibh r’a chèile, gràdhaichibh a chéile, mar bhràithre, bithihh truacanta càirdeil: Na ìocaibh olc air son uilc, no càineadh air son caineadh: ach ’n a aghaidh sin, a’ beannachadh; air dhuibh fios bhi agaibh gur ann chuige so a ghairmeadh sibh, chum gu ’n sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd: Oir ge b’è le ’m b’ àill beatha a ghràdhachadh, agus làith’ maithe fhaicsinn, cumadh è theanga o olc, agus a bhilidh o labhairt ceilg. Seachnadh è olc, agus deanadh è maith; iarradh è siothchaint, agus leanadh è i. Oir ata sùilean an Tighearna air fìreanaibh, agus a chlusa fosgailte r’an ùrnuigh: ach ata gnuis an Tighearna ann aghaidh na muintir a ni olc. Agus co è a ni olc oirbh, ma bhios sibh ’n ar luchd-leanmhuin air an ni sin a ’ta maith? Ach fòs ma dh’ fhuilingeas sibh air sga’ fìreantachd, is sona sibh: agus na biodh fiamh an eagail-sin oirbh, agus na bithibh mi shuaimhneach; ach naomhaichibh an Tighearna Dia ann bhur croidhibh. An Soisgeul. Luc. v. 1. AGus tharladh, ’n uair a bha ’m pobull a’ dlù’-theannadh air, chnm focal De eisteachd, gu ’n do sheas eisean làimh re loch Ghenesaret, agus chunnaic è da luing ’n an seasamh re taoibh an lochaidh: ach bha na h iasgairean air dol amach asda, agus a’ nigheadh an lionta. Agus air dha dol a steach do aon do na longaibh bu le Simon, dh iarr è air dol amach beagan o thìr: agus air suidhe dha theagaisg è ’n sluagh as an luing. ’Noise ’n uair a sguir è do labhairt, a dhubhairt sè re Simon, Cuir amach chum na doimhneachd, agus leigibh sios bhur lionta chum tarruing. Agus fhreagair Simon, agus a dubhairt sè ris, A mhaighisdir, shaothraich sinn feadh na h oidhch’ uile, agus nior ghlac sinn ni sam bith: ach air t fhocal-sa leigidh mi sios an lion. Agus an uair a rinn iad so, chuartaich iad tachdar mòr éisg; ionnus gu’n do bhriseadh an lion. Agus smèid iad air an companachaibh, a bha san luing eile, teachd agus congnamh a dheanamh leo. Agus thainig [TD 136] [Taobh-duilleig 138 san leabhar fhèin] iad, agus lion iad an dà luing, ionnas gu ’n raibh iad ann inbhe dol fuidhe. ’N uair a chunnaic Simon Peadar so, thuit è sios aig glùinibh Josa, ag radh, Im’ich uamsa, a Thighearna, oir is duine peacach mi. Oir ghlac uathbhas è fein agus iadsan uile bha maille ris, air son an tarruing èisg a ghlac iad: Agus mar an ceudna Seumas agus Ioin, mich Shebedee, a bha ’n an companachaibh aig Simon. Agus a dubhairt Josa re Simon, Na biodh eagal ort; as so suas bithidh tu a’ d’ iasgair air daoinibh. Agus an uair a thug iad an longa tìr, air fàgail nan uile nithe dhoibh, lean iad eisean. An seatheadh Domhnach an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Dhe, a dh-ulluich do ’n dream aig am bheil gràdh ort, nithibh co maith a ’s gu ’n deach iad thairis air tuigse duine; doirt ann ar cridhibh a leithid sin do ghrádh dhuit-se, ionnas air dhuinn gradh do thoirt dhuit oscionn nan uile nithe, gu ’n sealbhuich sinn do gheallaidh, ata oscionn gach nì is urrainn sinn a mhianachadh, trìd Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Rom. vi. 3. NAch ’eil fios agaibh, a mhèud againn is a bhaisteadh ann an Josa Criosd, gur bhaisteadh chum a’ bhais sinn? Air an àdhbhar sin dh’ adhlaiceadh sinn maraon ris tre ’n bhaiste chum bâis: ionnas mar thogadh Criosd suas o na marbhaibh le glòir an Athair, mar sin gu ’n gluaiseamaidne mar an ceudna ann nuadhachd beatha. Oir ma chuaidh ar suidheachadh maraon ann an cos’las a bhàs: bithidh sinn mar an ceudna air ar suidheachadh ann an cos’las ais-eirigh. Air fhios so a bhi againn, gu bheil ar fean duine air a cheusadh maraon ris, ionnas gu ’m biodh corp a’ peacaidh air a sgrios, chum nach deanamaid seirbhis do ’n pheacadh as so suas ni ’s mó. [TD 137] Oir an ti a fhuair bàs, rinneadh saor è o’n pheacadh. ’Noise ma fhuair sinn bàs maraon re Criosd, ata sinn creidsin gu ’m bi sinn beo maille ris mar an ceudna. Air dhuinn fios a bhi againn air do Chriosd eirigh o na marbhaibh, nach bàsaich è ni ’s mó; cha ’n ’eil tighearnas aig a’ bhas ni ’s mó air. Oir a mhèud gu ’n d’ fhuair è bas, is ann do ’n pheacadh a fhuair è bas aon uair amhàin: ach a mhèud gu bheil è beo, is ann do Dhia ata sè beo. Mar sin mar an ceudna measaibhse gu bheil sibh fein gu deimhin marbh do’n pheacadh: ach beo do Dhia tre Josa Criosd ar Tighearna. An Soisgeul. Mhat. v. 20. DUbhairt Josa r’a dheisciobluibh, Mur toir bhur fìreantachdsa barrachd air fireantachd nan Scriobhuichean agus nam Pharaiseach, ni ’n d’ theid sibh air chor air bith steach do rioghachd Nèimh’. Chuala sibh, gu ’n dubhradh leis na sinnsiribh, Na dean marbhadh: agus ge b’è neach a ni marbhadh, bithidh sè ann cunntart a’ bhreitheamhnais. Ach deirimse ribh, Ge b’è neach aig am bi fearg r’a bhràthair gun ádhbhar, gu ’m bi sè ann cunntart a’ bhreitheamhnas: agus ge b’è neach a deir, r’a bhràthair, Raca, bithidh sè ann cunntart na comhairle: ach ge b’è neach a deir, Amadain, bithidh sè ann cunntart teine ifrinn. Uime sinn ma bheir thu do thabhartas chum na h altara, agus gu ’n cuimhnich thu ann sin gu bheil ni air bith aig do bhràthair a’ d’ aghaidh; Fàg do thabhartas ann sin ann làthair na h altara, agus im’ich, agus dean reite air tùs re d’ bhràthair agus taireis sin air teachd dhuit, tabhair uait do thiodhlacadh. Bi reidh re d’ eascaraid gu luath, am feadh bhitheas tu maille ris san t slighe: t eagal gu ’n toir an t eascaradh thairis do ’n bhreitheamh thu agus gu ’n toir am breitheamh thu do ’n mhaor, agus gu tilgear am priosun thu. A deirim riut gu firinneach, nach teid thu as sin amach, no gu ’n ioc thu an fheoirling dheireannach. [TD 138] An seachdamh Domhnach an deigh na Trionaid. An Urnuigh. A Thighearna gach uile chumhachd agus neart, is tu-sa ughdar agus fear tabhairt na h-uile nì maith; suidhich grádh do t-ainm ann ar cridheuchaibh meaduich annain fior chreideamh, altruim sinn leis gach uile mhaitheas, agus le d’ mhòr thròcair, gleidh sinn ann ta trìd Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Rom. vi. 19. ’TA mi labhairt mar dhuine, air son anmhuineachd bhur feòla: oir mar a thug sibh bhur buill mar sheirbhisich do neo-ghloine, agus do aingidheachd, chum aingidheachd; amhuil sin a nois’ thugaibh bhur buill mar sheirbhisich do ’n fhìreantachd, chum naomhachd. Oir ’n uair a bha sibh ’n ar seirbhisich do ’n pheacadh, bha sibh saor o’n fhìreantachd. Air an àdhbhar sin creud an toradh a bha agaibh ann sin ann sna nithibh ud, a ’ta noise cur náire oirbh? oir is è crioch nan nithe sin am bàs. Ach a noise air dhuibh bhi saor o’n pheacadh, agus ’n ar seirbhisich do Dhia, ata bhur toradh agaibh chum naomhachd, agus a’ chrioch a’ bheatha mhairtheanach. Oir is è tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is i saor-thiodhlacadh Dhe a’ bheatha mhairtheanach, tre Josa Criosd ar Tighearna. An Soisgeul. Marc. viii. 1. ANn sna laithibh sin air do phobull ro-mhòr a bhi ann, agus gun ni air bith aca r’a itheadh, ghairm Iosa a dheisciobuil d’a ionnsuidh, agus a deir sè riu, Ata truas mòr agam do’n phobull, do bhri’ gu ’n d’fhan iad anois’ tri láith’ maille rium, agus nach ’eil ni air bith aca r’a itheadh: Agus ma leigeas mi d’an tighibh fein ’n an trosg iad, fannuichidh siad air an t slighe: oir thainig cuid aca am fad. Agus fhreagair a dhei- [TD 139] sciobuil è, ag radh, Cia as a dh’fheudas neach iad so a shasuchadh le h aran ann so san fhàsach? Agus dh’fhiosraich sè dhiubh, Cia lion aran ata agaibh? Agus a dubhairt iadsan, Seachd. Agus thug sè òrdugh do ’n t sluagh suidhe sios air an lár: agus ghlac è na seachd arain, agus air tabhairt buidheachais, bhris è, agus thug sè iad d’a dheisciobluibh, chum gu ’n cuireadh siad ’n an láthair iad: agus chuir iad sios an làthair an t sluaigh iad. Agus bha aca beagan a dh’iasgaibh beaga: agus bheanuich sè iad, agus dh’àithn è ’n cur sios ’n an làthair mar a ceudna. Agus dh’ith iad, agus shàsuicheadh iad: agus thog iad làn sheachd cliabh do ’n bhiadh bhrist’, a bha dh’fhuighleach aca. Agus bha iadsan a dh’ith mu thim-cheithir mìle; agus leig sè air falbh iad. An t ochdamh Dòmhnach an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Dhe, ’se do fhreasdail siorruidh ata aig orduchadh nan uile nithe araon air neamh agus air talamh; tha sinn gu h-umhla a’ guidhe ort gu ’n cuireadh tu air falbh uainn gach nì cronnail, agus gu ’n tugadh tu dhuinn na nithe sinn ata tarbhach air ar son, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Rom. viii. 12. A bhràthre, ata sinn fa fhiachaibh ni h ann do ’n fheoil, chum ar beatha a chaitheamh a reir na feòla. Oir ma chaitheas sibh bhur beatha a rear na feòla, gheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre ’n Spiorad gniomhartha na colla, bithidh sibh beo. Oir a mhèud ’s ata air an treòrachadh le Spiorad Dhe, is iad mic Dhe. Oir cha d’ fhuair sibh Spiorad na daorsa a-rìs chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h uchdmhacachd, tre an glaodhamaid, Abba, Athair. ’Ta an Spiorad fein a’ deanamh fia’nais maraon r’a spioraidne, gur sinn clann Dhe. Agus ma’s clann, is oighreachan; oigreachan air Dia, agus co’-oighreachan maille re Criosd: ma ’s è ’s gu ’m fulaing sinn maille ris, chum gu glòrachear maraon ris mar an ceudna. [TD 140] An Soisgeul. Mhat. vii. 15. COimheadhaibh sibh fein o na fàidhibh brèige, a thig d’ar ionnsuidh ann an culaibh chaorach, ach ata n leith a stigh ’n am madraibh allta. Air an toraibh aithnichidh sibh iad: an tionnail daoine dearcan fìona do dhrisibh, no figeis do na fothannanaibh? Agus mar sin do bheir gach uile chrann maith toradh maith: ach do bheir an droch chrann droch thoradh. Ni h eudar leis a’ chraoibh mhaith droch thoradh iomchar: no leis an droch charoibh toradh maith a thabhairt. Gach uile chrann nach iomchair toradh maith, gearthar sios è agus tilgear san teine è. Air an àdhbhar sin ’s an air an toraibh dh’aithnicheas sibh iad. Ni h è gach uile neach a deir riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a theid a steach do rioghachd nèimh’: ach an ti do ni toil m’ Atharsa ata air neamh. An naothamh Domhnach an deigh na Trionaid. An Urnuigh. A Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort, deonuich dhuinn an Spiorad a chum na nithe sin ata ceart do ghna a smuainteachadh agus a ghnathaca’; ionnas gu ’m bi sinn-ne nach urrain nì maith air bith a dheanamh as t eug’ais, air ur deanamh leatsa comasach ar beatha a chaitheadh a reir do thoil, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 1 Cor. x. 1. A bhràithre, cha b’ àill leam sibhse bhi ain-eolach, gu raibh ar n aithreacha uile fuidh ’n nèul, agus chuaidh iad uile tre ’n fhairge; agus bhaisteadh iad uile do Mhaois san nèul, agus ann san fhairge; agus dh ’ith iad uile an t aon bhiadh spioradail; agus dh’ òl iad uile an t aon deoch spioradail: oir dh òl iad do ’n charruig spioradail sin a lean iad: agus b i a’ charruig sin Criosd. Ach le mòrain diubh cha raibh Dia toilichte: oir sgriosadh san fhàsach iad. ’Noise [TD 141] bha na nithe sin ’n an saimpleiribh dhuinne, chum nach sanntaicheamaid droch nithe, mar a shanntaich iadsan fòs. Agus na bithibse ’n ar luchd iodhol-àdhraidh, mar a bha cuid aca-san; reir mar ata è sgriobhta, Shuidh am phobull sios a dh’itheadh agus a’ dh’ òl, agus dh’ eirich iad a chluich’. Agus na deanamaid strìopachas, mar a rinn cuid aca-san, agus thuit dhiubh ann aon là tri mìle fichead. Agus na buaireamaid Criosd, mar bhuair cuid aca fòs, agus sgriosadh iad le naithrichibh nimhe. Agus na deanaibhse monmhor, mar a rinn cuid aca-san monmhor fós, agus sgriosadh iad leis an sgriosadoir. ’Noise tharladh na nithe so uile dhoibhsin mar eiseimpleiribh: agus sgriobhadh iad chum teagasg a thoirt duinne, air am bheil deireadh an domhain air teachd. Uime sin an ti a shaoileas a bhi ’n a sheamsamh, thugadh è aire nach tuid sè. Cha do thacair buaireadh air bith ribh, ach ni ata cumanta do dhaoinibh: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh bhi air bhur buaireadh thar bhur comas; ach a ni maille ris a’ bhuaireadh slighe dol as mar a ceudna, chum gu ’m bi sibh comasach air a ghiùlan. An Soisgeul. Luc. xvi. 1. DUbhairt Josa r’a dheisciobluibh, Bha dhuine saibhir araidh ann aig an raibh stiobhard; agus chasaideadh ris è mar neach a bha deanamh ana-caithe’ air a mhaoin. Agus ghairm sè è, agus a dubhairt sè ris, Ciod so ata mi cluinntin a d’ thimchioll, thoir cunntas air do stiobhardachd: oir cha ’n fheud thu bhi ni ’s faide a’ d’ stiobhard. Ann sin a dubhairt an stiobhard ann fein, Ciod a ni mi? oir ata mo mhaighisdir a’ toirt na stiobhardachd uam: cha ’n urradh mi ruamhar a dheanamh ’s nar leam dèirc iarraidh. Ata fhios agam ciod a ni mi, chum’s ’n uair a chuirear as an stiobhardachd mi, gu ’n gabh iad a steach d’an tighibh mi. Agus air dha gach aon diubhs’ air an an raibh fiacha aig a Thighearn’ a ghairm d’a ionnsuidh, a dubhairt è ris a’ cheud fhear, Cia a mèud ata aig mo Thighearn’ ortsa? Agus a dubhairt eisean, Ceud miosur ola. Agus a dubhairt sè ris, Gabh do sgriobha, agus suidh sios gu h ealamh, agus sgriobh leth-cheud. Ann sinn a dubhairt è re fear eile, Agus cia mèud ata aig ortsa? Agus a dubhairt eisean, Ceud miosur cruithneachd. Agus a dubhairt è rìs, Gabh do scriobha, agus sgriobh ceithir fichead. Agus mhòl an Tighearna ’n stiobhard ea-corach, do bhri’ gu ’n d’ rinn sè gu glic: [TD 142] oir ata clann an t saoghail so ’n an ginealach fein ni ’s glice na clann an t soluis. Agus a deirimse ribh, Deanaibh dhuibh fein cairdean le mammon na h ea-corach; chum’s ’n uair is bàs duibh, gu ’n gabhthar sibth do àitibh comhnuidh siorruidh. An deicheamh Domhnach na deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Tighearna, biodh do chluasan tròcaireach fosgailte do dh’ urnuighean do sheirbheisich umhla; agus a chum gu ’m fuigh iad an iartuis, tabhair orra gu ’n-iarr iad na nìthe sin ata reir do thoil, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 1 Cor. xii. 1. THaobh tiodhlaca spioradail, a bhràithre, cha b’ àill leam sibh bhi ain-eolach. ’Ta fios agaibh gu raibh sibh ’n ar Cinnich, air bhur tarruing gu iodholaibh balbha, reir mar a threóraicheadh sibh. Uime sin ata mi toirt fios duibh, nach abair duin’ air bith a’ta labhairt o Spiorad De, mu Josa gu bheil è mallaichte: agus nach uradh duin’ air bith a radh gur h è Josa an Tighearna, ach trid an Spiorad naomh. ’Noise ata eidir-dhealachadh thiodhlaca ann, ach ni bheil ach aon Spiorad ann. Agus ata eidir dhealachadh mhinistreileachd ann, gidheadh ni bheil ach aon Tighearn’ ann. Agus ata eidir-dhealachadh oibreachaidh ann, ach is è an t aon Dia a ’ta ’g oibreachadh nan uile nithe ann sna h uile. Ach ata foillseachadh an Spioraid air a thoirt do gach neach, chum tairbhe. Oir do aon duine ’ta focal a’ ghliocais air a thoirt leis an Spiorad; agus do dhuin’ eile focal an eólais leis an Spiorad cheudna; Do neach eile creidimh leis an Spiorad sin fein; do dhuin’ eile tabhartas leighis trid an Spiorad cheudna; Do neach eile oibreacha’ mhiorbhuile; do neach eile fàidheadoireachd; do neach eile aithneachadh spiorad do neach eile iomadh gnè theanga; agus do neach eile eidir-mhìneachadh theanga. [TD 143] Ach na nithe sin uile ’ta an t aon Spiorad ceudna ag oibreachadh, ag roinn ris gach aon fa leith reir mar is àil. An Soisgeul. Luc. xix. 41. AGus ’n uair a thainig è ’m fogus, chunnaic è ’m baile, agus ghuil sè air a shon, ag radh, Nam b’aithne dhuit, eadhon dhuitse, air bheag sam bith ann do là so fein, na nithe a bhuineas do d’ shìth! ach anois’ ata iad folaichte’ o d’ shùilibh. Oir thig na làith’ ort, ann s an tilg do naimhde dìg mu d’ thimchioll, agus iadhaidh iad umad m’ an cuairt, agus druididh iad a stigh air gach taobh thu, agus leagaidh iad co’-iosal ris an làr thu, agus do chlann ionnad; agus cha ’n fhàg iad ionnad cloch air muin cloiche: do bhri’ nach b’ aithne dhuit aimsir t fhiosrachaidh. Agus chuaidh è steach do ’n teampull, agus thòsaich è air an dream a bha reic’, agus a’ ceannach’ ann a thilgeadh amach, ag radh riu, ’Ta è sgriobhta, Is tigh urnuigh mo thigh-se: ach rinn sibhse slochd mheirleach dheth. Agus bha è gach là a’ teagasg san teampull. An t-aon Domhnach deug an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Dhe, ata foillseachadh do neart uile chumhachdadh gu ro shonruichte ann a bhi taisbbeineadh tiochd agus tròcair; deonuich dhuinn-ne gu tròcaireach na h-urrad a thomhas do d’ ghràs, ionnas air dhuinn a bhi ruith ann slighe t-àitheantaibh, gu ’n sealbhuich sinn do geallachan gràsail, agus gu ’m bi sinn air ar deanamh n’ ar luchd co-pairt do t-ionmhas neamhuidh, trid Josa ar Tighearna. Amen. An Litir. 1 Cor. xv. 1. A bhràithre, cuiream ann cèill duibhse an soisgeul a sheirmonaich mi dhuibh, ris an do ghabh sibhse mar an ceudna, agus ann am bheil sibh ’n ar seasamh; trid [TD 144] mar an ceudna am bheil sibh air bhur sàbhaladh, ma ghleidheas sibh air chuimhne an ni a shearmonaich mi dhuibh, mur do chreid sibh gu diomhaoin. Oir thug mi dhuibh air tùs an ni fhuair mi mar an ceudna, Gu ’n d’ fhuair Criosd bàs air son ar peacaidh do reir nan sgriobtuire: Agus gu ’n d’ adhlaiceadh è, agus gu ’n d’ eirich è a-rìs air an treas là do reir nan sgriobtuire: Agus gu facas è le Cephas, ’n a dhiaigh sin leis an dà-fheur-dheug. ’N a dhiaigh sin, chunncas è le tuilleadh agus cuig ceud bràithre ann aon uair: d’am bheil a’ chuid a’s mò beo gus a noise, ach ata cuid dhiubh ’n an codal. ’N a dhiaigh sin, chunncas è le Seumas: agus a-rìs leis na h abstolaibh uile. ’N an diagh uile chunncas leam-sa è mar an ceudna, mar neach a rugadh ann an-am. Oir is mi is lugha do na h abstolaibh, neach nach fiu abstol a ghairm dhiom, do bhri gu ’n raibh mi a’ geur-leanmhuin eaglais De. Ach tre ghràs De is mi an ni a’s mi: agus cha raibh a ghras, a thiodhlaiceadh dhamh, gun bhri’; ach shaorthaich mi ni ’s pailte na iad uile; gidheadh cha mhise, ach gràs De a bha maille rium. Uime sin cia b’è dhinn, mise no iadsan, is ann mar sin ata sinne a’ searmon achadh, agus is mar sin a chreid sibhse. An Soisgeul. Luc. xviii. 9. LAbhair Josa ’n cosamhlachd so re dream àraidh bha ’g earbsa asda fein gu ’n raibh iad ’n am fìreanaibh, agus a bha deanamh tàir air dream eile: Chuaidh dias dhaoine suas do ’n teampull a dheanamh ùrnuigh; fear aca ’n a Phairiseach, agus am fear eile ’n a Phuibliocanach. Sheas am Phairiseach leis fein, agus rinn è ùrnuigh mar so, A Dhe, ’ta mi toirt buidheachais duit, nach ’eil mi mar ata daoin’ eile, ’n an luchd foireigin, ea-corach, adhaltranach, no eadhon mar am Puiblicanach so. ’Ta mi deanamh trosg’ dà uair san t seachduin, ’ta mi toirt deachmhaidh as na h uile ni a shealbhaicheam. Agus air seasamh do ’n Phuibliocanach fada air ais, cha b’àill leis fiu a shùl a thog’ail suas gu neamh, ach bhuail sè uchd, ag radh, A Dhia, dean trócair ormsa ’ta ’m pheacach. A deirim ribh, gur dòchadh gu ’n deachaidh ann duine so sios d’a thigh air fhìreanachadh, na ’m fear ud eile: oir ge b’è neach a dh’ àrdaicheas è fein, ìslichear è; agus ge b’è a dh’ìslicheas è fein, àrdaichear è. [TD 145] An dara Dòmhnach deug an deigh na Trionaid. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, ata ghna na ’s ullamh chum eisdeachd, na ’ta sinn-ne chum urnuigh dheanamh, agus ata cleachda tuille a thabhairt seachad na ’ta sinn-ne mianachadh, no toilltinn; Doirt a’ nuas pailteas do d’ thròcair oirn-ne, a mathadh dhuinn nan nithe sin roimh am bheil ar coguis a’ gabhail eagail, agus a’ tabhairt dhuinn na’ nithe maith sin nach fiu sinn an iarruidh, ach trid toilltinneas agus eidir-ghuidhe do Mhic Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 2 Cor. iii. 4. ATa a leithid so dh’earbsa againne tre Chriosd thaobh Dhe: Ni bè gu bheil sinn foghainteach uainn fein chum ni sam bith a smuinteachadh mar uainn fein: ach is ann o Dhia ata ar foghainteachd. Neach a rinn sinne mar an ceudna ’n ar ministeiribh foghainteach na tiomna-nuaidh, ni h ann do ’n litir, ach do ’n Spiorad: oir marbhaidh an litir, ach bheir an Spiorad beatha. Ach ma bha ministreileachd a’ bhais, ann sgriobhadh agus air a ghràbhaladh air clochaibh, glòr-mhor, ionnas nach b’ urradh clann Israeil amharc gu geur air gnùis Mhaois, air son glòir’ a ghnùise a chuirear air cùl; cionnas nach mò na sin a bhios ministrealeachd an Spioraid glòr-mhor? Oir ma bha ministrealachd an dìteidh glòrmhor, is ro-mhò na sin a bheir ministreileachd na fìreantachd barr ann glòir. An Soisgeul. Marc. vii. 31. AIr do Josa im’eachd o chriochuibh Thiruis agus Shidoin, thainig è gu fairge na Galilee, tre mheadhon criocha Dhecapolis. Agus thug iad d’a ionnsuidh duine bothar, aig an raibh staduich ’n a chainnt: agus ghuidh iad air gu ’n cuireadh sè a làmh air. Agus thug sè a leth o ’n phobull è agus chuir sè a mheoir ’n a chluasaibh, agus air sileadh dha, [TD 146] bhean sè r’a theangaidh. Agus air dha amharc suas gu neamh, leig sè osna as, agus a deir sè ris, Ephphata, ’s è sin r’a radh, Bi fosgailt’. Agus air ball dh’fhosgladh a chluasa, agus dh’fhuasgladh ceangal a theangaidh, agus labhair sè gu ceart. Agus dh’àithin sè dhoibh gun iad a dh’innseadh sin do neach air bith: ach mar is mò a thoirmisg sè dhoibh, bu mhòid gu ro-mhòr a chuir iad’ an gniomh os aird; agus bha iad gu ro-mhòr air an lionadh le h iongantas, ag radh, Rinn è gach uile nithe gu maith: ata sè faraon a’ tabhairt air na bothair gu ’n cluinn iad, agus air na bailbh gu ’n labhair iad. An treas Domhnach deug an deigh na Trionaid. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich agus thròcairach, o ’d thiolacadh ’mhain ata è teachd, gu bheil do phobul treibhdhireach a’ deanamh seirbheis fhior agus cliutach dhuit; Deonich, tha sinn a ghuidhe ort gu ’n dean sinn-ne seirbheis co fhìrineach dhuit ann sa’ bheatha so, a ’s nach bi moille oirn fa dheoidh do gheallaidh neamhuidh a shealbhachadh, trid toilltinneas Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Gal. iii. 16. IS do Abraham a thugadh na geallanna agus d’a shiol. Ni ’n deir sè, Agus do shiolaibh, mar gu ’m biodh è labhairt mu mhóran; ach mar mu aon, agus do shiol-sa, neach a ’s è Criosd. Agus a deiream so, nach fheudar gu ’n cuir an lagh, a thugadh ann ceann cheithir cheud agus dheich bliadhna fichead ’n a dhiaigh, ann cunnradh ann neo-bri’, a dhaingnicheadh roimhe le Dia ann Criosd, ionnas gu ’n cuireadh sè an gealladh air cùl. Oir ma’s ann o’n lagh ata an oighreachd, ni bheil i ni ’s mó o ’n ghealladh: ach thug Dia gu saor i do Abraham tre ghealladh. C’ar son uime sin a thugadh an lagh? thugadh è air son eas-aontais, gus an d’ thigheadh an siol, d’an d’ rinneadh an gealladh; air órduchadh le ainglibh ann làimh eidir-mheadhonair. ’Noise an t eidir-mheadhonair, ni h ann air son a h aon ata è ’n a eidir-mheadhonair; ach is aon [TD 147] Dia. Uime sin am bheil an lagh ann agaidh gheallana De? Nar leigadh Dia: oir nam biodh lagh air a thabhairt a bhiodh comasach air beatha thoirt uaithe, gu deimhin is ann o’n lagh a bhiodh fìreantachd. Ach dh’ fhàg an sgriobtuir na h uile dhaoine dùinte fa peacadh, chum gu ’m biodh an gealladh tre creidimh Josa Criosd air a thoirt dhoibhsin a ’ta creidsin. An Soisgeul. Luc. x. 23. ’S Beannuichte na sùile a chi na nithe ’ta sibhs’ a’ faicsin. Oir a deirim ribh, Gu ’m b’ iomadh faidhe agus righridh, ler bu mhiann na nithe-se fhaicsin ata sibhs’ a’ faicsin, agus nach facadh iad; agus na nithe s’ a chláisdin ata sibhs’ a’ cluinntin, agus nach cualadh iad. Agus féuch, do sheas fear lagha àraidh suas, ’g a bhuaireadh, agus ag radh, A mhaighisdir, ciod a ni mi chum gu ’n sealbhaichean a’ bheatha mhairtheanach? Agus a dubhairt sè ris, Ciod tha sgriobhta san lagh? cionnas a leughas tu? Agus ag freagairt da-san, a dubhairt sê, Gràdhaich an Tighearna do Dhia le d’ uile chroidhe agus le d’ uile anam, agus le d’ uile neart, agus le d’ uil’ inntin; agus do choimhearsnach mar thu fein. Agus a dubhairt eisean ris, ’S ceart a fhreagair thu: dean-sa so, agus bithidh tu beo. Ach air dha-sa toil a bhì aige è fein fhìreanachadh, a dubhairt sè re h Josa, Agus co è mo choimhearsnach? Agus fhreagair Josa, agns a dubhairt sè, Chuaidh duine àraidh sios o Hierusalem gu Jericho, agus thuit è ’measg mheirleach, agus air dhoibh a rùsgadh, agus a lotadh, dh’imich iad rompa, air fhagail-sin doibh leth-mharbh. Agus tharladh gu ’n d’ imich sagart àraidh sios air an t slighe sin; agus ’n uair a chunnairc sè è, ghabh è seachad air an taobh eile do ’n t slighe. Agus mar an ceudna air do Lebhiteach bhi aig an ionaid sin, thainig è agus dh’amhairc sè air, agus ghabh è seachad air an taobh eile do ’n t slighe. Ach air do Shamaritanach àraidh bhi gabhail an ròid, thainig è far an raibh eisean: agus ’n uair a chunnairc sè è, ghabh è truas mòr dheth, Agus thainig è d’a ionnsuidh agus cheangail è suas a chreuchda, agus air dòrtadh ola agus fiona ionnta, chuir sè air ainmhidh fein è, agus thug gu tigh ósda è, agus ghabh è curam dheth. Agus air an là màrach, n’ uair a dh’fhalbh è, thug é ’mach dà pheghinn romhanach, agus thug è do fhear an tigh òsda iad, agus a dubhairt sè ris Gabh cùram dheth; agus ge b’è ni tuille’ chaitheas tu, ’n trá’ philleas mise air m’ ais, dìolaidh mi dhuit è. [TD 148] Co anois’ do ’n triur so a shaoileas tu, bu choimhearsnach dha-san a thuit a’measg nam meirleach, Agus a dubhairt eisean, An ti rinn tròcair air. Ann sinn a dubhairt Josa ris, Im’ich thus’, agus dean mar an ceudna. An ceathramh Domhnach deug an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, tabhair dhuinn meudacha a chreidimh, an dochais, agus a gràidh; agus do chum gu ’m faigh sinn a’ nì gheall ù, thoir oirn gu ’n gràdhuich sinn a’ nì ata thù ’g àithne, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Gal. v. 16. SO deiream ma seadh, Gluaisibh san Spioraid, agus cha choi’-lion sibh ain-mhiann na feòla. Oir ata an fheoil a’ miannachadh ann aghaidh an Spioraid, agus an Spioraid ann agaidh na feòla: agus ata iad sinn ann aghaidh a chèile; ionnas nach fuigh sibh na nithe bu mhiann libh a dheanamh. Ach ma threòraichear leis an Spiorad sibh, cha ’n ’eil sibh fuidh ’n lagh. ’Noise ’ta oibre na feòla follasach, a ’s iad so, adhaltrannas, strìopachas, neo-ghloine, macnus, iodhol-ádhradh, buitseachas, naimhdheas, connsachadh, co’-fharpuis, fearg, coi’-stribh, ai’-reite, eireacachd, farmad, morta, meisg, geòcaireachd agus an leithide fin: mu bheileam ag innseadh dhuibh roimh laimh, mar a dhi’nnis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan an ni an leithide sin rioghachd Dhe mar oighreachd. Ach is è toradh an Spioraid gradh, aoibhneas, siothchaint, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creidimh, Macantas, measarachd: ann aghaidh an famhuil sin ni bheil lagh. Agus iadsan a’s le Criosd, cheus iad an fheoil, maille r’a h an tograibh agus a miannasaibh. [TD 149] An Soisguel. Luc. xvii. 11. AGus tharladh, ag dol suas da gu Hiersalem, gu ’n deachaidh sè tre mheadhon Shamaria agus na Galilee. Agus ’n uair a bha è dol a stigh do bhaile àraidh, thacair deichnear dhaoine air a bha ’n an Iobhair, a sheas fada uaithe: Agus thog iad suas an guth, ag radh, Josa a mhaighisdir, dean trocair oìrnne. Agus ’n uair a chunnaic sè iad, a dubhairt sè riu, Im’ichibh agus nochdaibh sibh fein do na sagartaibh. Agus tharladh, ag im’eachd dhoibhse, gu ’n do ghlanadh iad. Agus phill a haon aca air ais ’n uair a chunnaic sè gu ’n do leighiseadh è, a’ toirt glòir’ do Dhia le guth àrd, agus thuit sè air aghaidh aig a chosaibhse, a’ toirt buidheachais da: agus bu Shamaritanach è. Agus fhreagair Josa agus dubhairt sè, Nach do ghlanadh deichnear? ach an naoidhnear, c’àit’ am bheil iad. Cha d’ fhuradh a phill a thoirt glòir’ do Dhia, ach an coigreach so. Agus a dubhairt sè ris, Eirich, im’ich; shlànuich do chreidimh thu. An cuigeamh Domhnach deug an deigh na Trionaid. An Urnuigh. THa sinn a’ guidhe ort O Thighearna, gleidh t-eaglais le d’ bhuan throcair. Agus do bhri nach feud anmhuineachd an duine gun tuitim as t-eugmhais, coimhid sinn do ghna le d’ chomhnadh o gach uile nì cronnail, agus treoruich sinn do dh-ionnsuidh gach nì fèumail a chum ar slainte, trìd Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Gal. vi. 11. ’TA sibh faicsin mèud na litreach a sgriobh mi dhuibh le m’ làimh fein. Mhèud le ’m miann iad fein a thaisbeanadh gu sgiamhach san fheoil, ata iad ’g ar n eigneachadh chum bhi air bhur timchioll-ghearradh; amhàin chum nach deantadh geur- [TD 150] leanmhuin orr’ air son crann ceusaidh Chriosd. Oir ni ’m bheil iadsan fein a ’ta air an timchioll-ghearradh ag coimhead an lagha; ach is àill leo sibhse bhi air bhur timchioll-ghearradh, chum as gu dean iad uaill ann bhur feoil. Ach nar leigeadh Dia gu deanainnse uaill ach an crann-ceusaidh ar Tighearna Josa Criosd, tre ’m bheil an saoghal air a cheusadh dhamh-sa, agus mise do ’n t saoghal. Oir ann Josa Criosd ni ’m bheil eifeachd air bith ann timchioll-ghearradh, no an neimh thimchioll-gearradh ach ann creatuir nuadh. Agus mheud ’s a shiùbhlas a reir na riaghail so siothchaint orra, agus trocair, agus air Israel De. O so amach na cuireadh neach sam bith dragh orm; oir ata mi giùlan ann mo chorp comharthaidh an Tighearn’ Josa. A bhràithre, gu raibh, gràs ar Tighearna Josa Criosd maille r’ar spiorad. Amen. An Soisgeul. Mhat. vi. 24. NI h eudar le neach air bith seirbhis a dheanamh do dhà Thighearna: oir an dara cuid bithidh fuath aige do deach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhuidh sè le neach aca, agus bheir è tarcuis do neach eile. Ni h eudar libh seirbhis a dheanamh do Dhia agus do Mhammon. Uime sin a deirimse ribh, Na biodh ro-chùram oirbh mu thimchioll bhur beathaidh, creud a dh’itheas no dh’òlas sibh; no mu thimchioll bhur cuirp, creud a chuireas sibh umaibh: an è nach mò a’ bheatha na ’m biadh, agus an corp na ’n t eadach? Amharcaibh air èunlaith an aidheir: ni ’n cuir iad siol, agus ni ’n cruinnich iad ann sgiobolaibh: gidheadh ata bhur n Athair neamhaidh-se ’g am beathachadh; ’n è nach fearr sibhse gu mòr na iadsan? Agus cia agaibh le mòr chùram dh’fheudas aon bhann làmh a chur r’a airde fein? Agus creud fa ’m bhuil sibh ro-chùramach mu thimchioll bhur culaidh? fò’lomaibh cionnas ata na lilighe fàs sa mhachair; ni ’n dean iad saothair, agus ni ’n dean iad sniomh. Gidheadh a deirimse ribh, Nach raibh Solomh fein ’n a uile ghlòir, air eadachadh mar aon diubh so. Air an adhbhar sin ma’ ta Dia mar sin ag sgeudachadh feur na machaire, ata an diu ann, agus a’ màrach air a thilge’ san àmhuinn, an è nach mò na sin a sgeudiacheas è sibhse, a dhaoine air bheag creidimh? Uime sin na bithibh lán chùram, ag radh, Creud a dh’itheas sinn? no creud a dh’òlas sinn? no creud a chuireas sinn umainn? (Oir is iad so uile na nithe ata na cinnich ag iarraidh) oir ata fios aig bhur n Athair [TD 151] neamhaidh gu bhuil feum agaibhse air na nithibh sin uile. Ach iarraibh air tùs Rioghachd Dhe, agus fhireantachd-san, agus cuirfear na nithe-se uile ribh. Uime sin na bitheadh ro chùram oirbh mu thimchioll an la màrach: oir bithidh a làn do chùram air an la màrach mu thimchioll a nithe fein: is leòr do ’n là olc fein. An seitheamh Dòmhnach deug an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Thighearna, ata sinn a’ guidhe ort, deanadh do ghna iochd t eaglais a ghlanadh agus a dhionn; agus do bhri nach urrain ì buanachadh ann sàbhaltachd as eug’ais do chomhnadh, gleidh ì gu bràth le d’ chuideachadh agus le d’ mhaitheas, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Ephes. iii. 13. ATa mi ’g iarraidh oirbh nach fannaich sihh a leith mo thriobloidean-sa air bhur son, ni a’s è bhur glòir-se. Air an ádhbhar so lùbam mo ghluine do Athair ar Tighearna Josa Criosd, air an ainmichear an teaghlach uile air neamh agus air talamh, gu ’n deònaicheadh è dhuibh a reir saibhreis a ghlòire, bhi air bhur neartachadh le cumhachd, trìd a Spioraid sin ann san duine ’n leith stigh; chum air dhuibh bhi air bhur freamhachadh ann grádh, gu ’m bì sibh comasach maille ris na naomhaibh uile, air a thuigsin creud è lèud, agus fad, agus doimhne, agus àirde; agus air grâdh Chriosd aithneachadh, a chuaidh thar gach uile eòlas, chum as gu ’m bi sibh air bhur lionadh le uile lanachd Dhe. ’Noise dha-san d’an comas gach uile nithe a dheanamh gu h an barrach ro-phailt’ thar gach ni a ’s urradh sinne iarruidh no smuaineachadh, do reir a’ chumhachd a ’ta ’g oibreachadh gu h eifeachdach annainn, Dha-san gu raibh glóir ann san eaglais trìd Josa Criosd, air feadh gach uile lìnn, gu saoghal nan saoghal. Amen. [TD 152] An Soisgeul. Luc. vii. 11. AGus tharladh an an la ’n a dhiaigh sin gu ’n deachaidh è chum bhaile d’ an goir’ear Nain; agus chuaidh mòran d’a dheisciobluibh maille rìs, agus sluagh mòr. ’Noise ’n uair a thainig è ’m fogus do gheat’ a’ bhaile, feuch, ghiulaineadh amach duine marbh, aon mhac a mhathar, agus bu bhan-trea’ch i: agus bha sluagh mór do mhuintir a’ bhaile maille ria. Agus ’n uair a chunnaic an Tighearn’ i, ghabh è truas mór dith, agus a dubhairt sè ria, Na guil. Agus thainig è agus bhean sè ris a’ ghiulan, (agus sheas iadsan a bha ’g a iomchar) agus a dubhairt sè, Oganaich, a deirim riut, eirich. Agus dh’eirich an duine marbh ’n a shuidhe, agus thósaich è air labhairt: agus thug è d’a mhathair è. Agus ghlac eagal iad uile: agus thug iad glóir do Dhia, ag radh, Dh’eirich faidh mór ’n ar measg-ne; agus, Dh’amhairc Dia air a phobull fein. Agus chuaidh ’n t iomradh so ’mach air-sin air feadh Judea uile, agus na dùthcha m’an cuairt uile. An seachdamh Dòmhnach deug an deigh na Trionad. An Urnuigh. A Thighearna, guidhemid ort, gu ’m biodh do ghras do ghna romhain agus ’n ar deigh; agus gu’n tabhair è oirn an comhnuidh bhi ’g aomadh dh’ionsuidh gach uile dheagh oibre, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Ephes. iv. 1. UIme sin ata mise prìosunach an Tighearna, a’ guidheadh oirbh gu ’n gluais sibh gu cubhaidh do ’n ghairm leis an do ghairmeadh sibh; leis gach uile irioslachd-inntin agus macantas, maille re fad-fhulangas, a’ giulan le chèile ann an gradh; a’ deanamh dìchill air aonachd an Spiorad a choimhead ann co’-bhann na siothchaint. Is aon chorp agus ann Spiorad ata ann, amhuil fós a ghairmeadh sibh ann aon [TD 153] mhuinghin bhur gairm; aon Tighearna, aon chreidimh, aon bhaiste, aon Dia agus Athair nan uile, a ’ta os ceann gach uile, agus annaibhse uile. An Soisgeul. Luc. xiv. 1. AGus tharladh, mar a chuaidh Josa gu tigh uach darain âraidh do na Phairisichibh a dh’ itheadh bidh air la na sabaid’, gu’n raibh iad a’ deanamh geur-fhaire air. Agus fèuch, bha duine araidh ’n a lathair air an raibh a’ mhèud-bhronn. Agusfhreagar Josa, agus labhair è ris an luchd-lagha, agus ris na Phairisichibh, ag radh, Am bheil è ceaduichte leigheas a dheanamh air la na sàbaid’? Ach dh’ fhan iadsan ’n an tosd. Agus air dha breith air, leighis sè è, agus leig sè uaithe è. Agus fhreagair sè iadsan, ag radh, Co agaibhse, ma thuiteas asal no a dhamh ann slochd, nach tarruing amach gu grad è air la na sabaid’? Agus cha b’ urradh iad a fhreagairt a-rìs ann sna nithibh sin. Agus labhair è comhad riu-san a chuireadh, ’n uair a thug è fainear mar a thagh iad na ceud àiteacha-suidhe; ag radh riu, ’N uair a gheibh thu cuireadh o neach air bith chum bainnse, na suidh ann sa cheud aite: ’n t eagal gu ’n d’ fhuair duin’ a’s onoraich’ na thusa cuireadh uaithe; agus gu ’n d’ thig an ti a thug cuireadh dhuits’ agus dha-san, agus gu’ n abair sè riut Thoir aite do ’n duine so; agus gu ’n tòsaich thus’ ann sin le naire air suidhheadh ann san ait’ a’s ìsle. Ach ’n uair a gheibh thu cuireadh, im’ich agus suidh ann san ait’ a’s ìsle; chum ’s ’n uair a thig eisean a thug cuireadh dhuit, gu ’n abair è riut, A charaid, suidh suas ni ’s airde: ann sin gheibh thu onoir ann lathair na muintir ata ’n an suidhe air bórd maille riut. Oir ge b’è neach a dh’ ardaicheas è fein, ìslichear è; agus ge b’è neach a dh’ ìslicheas è fein, àrdaichear è. [TD 154] An t-ochdamh Dòmhnach deug an deigh na Trionaid. An Urnuigh. A Thighearna, guidemid ort deonuich do d’ phobul gràs gu seasamh ’n aghaidh buaithribh an t-saoghail, an diabhoil, agus na feola, agus thusa an t-aon Dia a’ leantuin le cridheachaibh agus le inntinibh fior ghlan, trìd Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 1 Cor. i. 4. ATa mi toirt buideachais do Dhia a ghna’ air bhur son-sa, air son gras Dhe a thugadh dhuibhse ann Josa Criosd; air son gu ’n d’ rinneadh saibhir leisin sibh ann s gach uile ni, ann s gach uile ùr-labhradh, agus ann s gach eòlas: Reir mar a dhaingnicheadh fia’nais Chriosd annaibh. Ionnas nach ’eil sibh dhei’-laimh ann tiodhlac’ sam bith; ag feitheamh re foillseachadh ar Tighearna Josa Criosd: Neach fòs a dhaingnicheas sibh gus a’ chrìch, chum ’s gu ’m bi sibh neo-lochdach ann la ar Tighearna Josa Criosd. An Soisgeul. Mhat. xxii. 34. AN t am do chuala na Phairisich gur chuir sè na Sadduisich ’n an tosd, chruinnicheadh iad ann ceann a chèile. Ann sin do chuir neach àraidh dhiubh, a b’fhear teagaisg an lagha, ceisd air, ’g dhearbhadh, agus ag radh, A mhaighisdir, cia i an aithin’ a’s mó san lagh? A dubhairt Josa ris, Gradhuichidh tu an Tighearna do Dhia le d’ uile chroidhe, agus le d’ uil’ inntin. ’Si so a’ cheud àithne agus an aithne mhór. Agus is cosmhuil an dara ria so, Gràdhuichidh tu do choi-mhearsnach mar thu fein. Ann dà àithne so ata suim an lagha uile, agus nam faidhean. Ach air do na Phairisichibh bhi cruinn ann ceann a cheile, dh’fheóraich Josa dhiubh, ag radh, Creud i bhur bar’ailse mu thimchioll Chriosd? co d ’am mac è? a deir iadsan ris, Do Dhaibhi. A deir easean riu, Cionnas ma seadh a ghoireas Daibhi san spiorad a Tighearna dheth, ag [TD 155] radh, A dubhairt an Tighearna re m’ Thighearna, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhde ’n an stol fuidh d’chosaibh? Air an adhbhar sin ma ghoireas Daibhi a Thighearna dheth, cionnas is mac dha è? Agus ni ’m bu chomasach aon neach fhreagradh sam bith a thabhairt air; ni mo a bha chroidh’ aig aon neach (o ’n la sin suas) ni air bith fheoraich dheth. An naoitheamh Domhnach deug an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Dhe, do bhri as t-eug’ais nach urrain sinn do thoileachadh; deonuich gu tròcairich gu ’n dean do Spiorad naomh ar cridheachan a stiuradh agus a riaghladh ann sgach uile nì, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Ephes. iv. 17. SO uime sin a deiream, agus guidheam am fia’nais an Tighhearna, gun sibh a dh’ im’eachd a so suas mar ata na Geintilich eile ag im’eachd, ann diomhaoineas ann inntin fein, aig am bheil an tuigse air a dorchachadh, air dhoibh bhi ’n an coimhich do bheatha Dhe, thaobh an ain-eolais a ’ta annta, tre chruas an chroidhe: Muintir, air dhoibh am mothacha’ chall, a thug iad fein thairis do mhi-nàire, chum gach uile neo-ghloine chur ann gniomh le cìocras. Ach cha d’ fhòghluim sibhse Criosd mar so; ma chuala sibh è, agus ma theagaisgeadh leis sibh, mar ata an fhìrinn ann an Josa: Gu ’n cuir sibh dhibh thaobh a’ cheud chaithe’-beatha, an sean duine, a’ta truaillidh reir nan ainmhianna cealgach: Agus gu ’m bi sibh air bhur nuadhachadh ann spiorad bhur n inntin: Agus gu ’n cuir sibh umaibh an nuadh dhuine, a ’ta air a chruthachadh a reir Dhe am fìreantachd agus am fior naomhachd. Uime sin air dhuibh a’ bhreug a chur uaibh, labhraibh an fhìrinn gach neach r’a choimhearsnach: oir is buill sinn d’a chèile. Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na luidheadh a’ ghrian air bhur corruich: Agus na tugaibh àite do ’n dia- [TD 156] bhol. An ti a ghoid, na goideadh à ni ’s mó: ach gu ma fearr leis saothair a dheanamh, ag oibreachadh an ni a’ta maith maith le a làmhaibh fein, chum’s gu ’m bi aige ni r’a phairteachadh ris an neach air am bheil uireasbhuidh. Na d’ thigeadh focal truaillidh air bith amach as bhur bheul, ach an ni sin a ’ta maith chum deadh-fhoghluim, ionnas gu ’n toir è gràs do ’n luchd eisdeachd. Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad naomha Dhe, leis an do chuireadh seula oirbh gu là na saorsa. Biodh gach uile shearbhas, agus corruich, agus fearg, agus gàrrthaich, agus toibheum air an tog’ail uaibh, maille ris gach uile mhirun. Agus bithibh caoimhneil, teochroidheach d ’a chèile, a’ tabhairt maitheanais d ’a chèile, eadhon mar a thug Dia mar an ceudna maitheanas dhuibhse ann Criosd. An Soisgeul. Mhat. ix. 1. AGus air do Josa dol ann luing chuaidh sé thar an uisge, agus thainig sè d’a bhaile fein. Agus fèuch, thug iad d ’a ionnsuidh duine air an raibh am pairilis, ’n a luidhe air leabaidh: agus an uair a chunnairc Josa an creidimh, a dubhairt sè re fear na pairilis, Biodh agad deadh mhisneach, a mhic, ata do pheacaidh air am maitheadh dhuit. Agus fèuch, a dubhairt dream àraidh do no na scriobhuichibh ionnta fein, Ata am fear so a’ labhairt blaispheime. Agus air do Josa an smuainteachadh fhaicsin, a dubhairt sè, Creud sa ’m bhuil sibh a’ smuainteachadh uilc ann bhur croidhibh? Oir cia is usadh a radh, Ataid do pheacaidh air am maitheadh dhuit? no a radh, Eirich agus im’ich? Ach a chum gu ’m bi fios agaibh gu bhuil cumhachd aig Mac an duine peacaidh a mhaitheadh air an talamh, (a deir sè ann sin re fear na pairilis) Eirich, tog do leabaidh, agus im’ich do d’thigh. Agus air eirigh dhósan, chuaidh sè d’a thigh fein. Ach ann uair a chunnairc am pobull sin, ghabh iongantas iad, agus thug iad glôir do Dhia, a thug a leithid sin a cumhachd do dhaoinibh. [TD 157] An fichoid a Domhnach an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Dhe uile chumhachdaich agus ro thrócairich, guidhemid ort, gleidh sinn le d’ mhor mhaitheas, o gach nì a dh’ fheudas cron a dheanamh dhuinn; air bhi dhuinn ullamh ann an corp agus ann anam, gu ’n coi’lion finn gu suilbhir na nithe sin b’ail leat sinn a dheanamh, trid Josa Criosd ar Tighearna Amen. An Litir. Ephes. v. 15. FEuchaibh uime sin gu ’n gluais sibh gu faicilleach, ni h ann mar amadain, ach mar dhaoine glice, a’ fuasgladh na h aimsir’, do bhri gu hheil na làith’ olc. Air an àdhbhar sin na bithibhse neo-ghlic, ach a’ tuigsin creud i toil an Tighearna. Agus na bithibh air mheisg le fion, ann s a’ bheil an-barr’; ach bithibh air bhur lionadh do ’n Spiorad: A’ labhairt ribh fein ann salmaibh, ann laoidhibh, agus cantaicibh spioradail, a’ seinn agus a’ deanamh ciuil ann bhur croidhibh do ’n Tighearna, a’ toirt buidheachais a ghnà’ air son nan uile nithe do Dhia agus do ’n Athair, ann ainm ar Tighearna Josa Criosd; air dhuibh bhi umhal d’a chèile ann eagal De. An Soisgeul. Mhat. xxii. 1. DUbhairt Josa is cosmhuil Rioghachd Nèimhe re Righ araidh, a rinn bainnis phósaidh d’a mhac fein, agus chuir sè shearbhanta a ghairm na muintir a fhuair cuireadh chum na bainnse: ach nior b’áill leo-san teachd. A-rìs chuir sè d’an ionnsuidh searbhanta eile, ag radh, Abruibhse ris a’ mhuintir d’an d’ thughadh cuireadh, Fèuch, do dheasuich mi mo dhìnneir: ata mo dhaimh agus ma sprèidh bhiadht’ air am marbhadh, agus ata gach uile nithe ullamh: thigibh chum na bainnse. Ach do chuir iads’ ann suarachas è, agus dh’imich [TD 158] siad rompa, fear dhuibh d’a fhearann, agus fear eile chuma cheannuigheachd: Agus rug a’ chuid eile dhuibh air a shearbhantaibh, agus thug ad easonoir dhoibh, agus mharbh fiad iad. Ach air cluinntin so do ’n Rtgh, ghabh sè fearg: agus air cur armailteadh uaithe, sgrios sè an luchd mortaidh ud, agus loisg sè am baile finn. A deir sè ann sin r’a sheirbhiseachaibh, Gu fìrinnneach ata a’ bhainnis ullamh, gidheadh an dream a fhuair cuireadh cha b’fhiu iad è. Air an àdhbhar sin im’ichibhse gus na ròdaibh mòra, agus a lion daoine ’s a gheibh sibh, cuiribh iad chum na bainnse. Agus air dol amach do na searbhantaibh sin air na ròdaibh, chruinnich iad gach uile neach a fhuir iad, eidir olc agus mhaith: agus lionadh tigh na bainn se muintir a shuidh chum bidh. Agus air dol a steach do ’n Righ a dh’fhaicsin nan Aoidheachan, chunnairc sè ann sin duine aig nach raibh truscan na bainnse uime: Agus a deir sè ris, A charaid, cionnas a thainig thusa steach ann so, gun truscan na bainnse umad? Ach dh’fhan eisean ’n a thosd. Ann sin a dubhairt an Righ ris na seirbhiseachaibh, Air a cheangal duibh eidir chos agus làmh, togaibh libh è, agus tilgibh ann an iomall dorchadais è: ann sin bithidh gul agus gioscan fhiacal. Oir ata mòran aìr an gairm, ach beag air an tagha’. An Domhnach thair-fhiochiod na deigh na Trionaid. An Urnuigh. GUidemid ort a Thighearna thròcairich, deonuich do d’ phobul fìrineach maitheanas agus sith; chum gu ’m bi iad air an glanadh o ’n uile pheacaidh, agus gu ’n dean iad seirbheis dhuit le inntin shocraich, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Ephes. vi. 10. MO bhràithre bithibh làidir san Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san. Cuiribh umaibh huil’ armachd Dhe, chum ’s gu ’m bi sibh comasach air seasam [TD 159] ann agaidh cuilbheirtidh an diabhoil. Oir ni ’m bheil sinn a’ gleachdadh re fuil agus feoil, ach re uachdranachdaibh, re cumhachdaibh, re prionnsuibh dorchadais an t saoghail so, re aingidheachd spioradail ann an ionadaibh àrda. Uime sin glacaibh d ’ar n ionnsuidh uil’ armachd Dhe chum ’s gu ’m bi sibh comasach air seasamh ann agaidh a’ bhuairidh san droch là, agus air dhuibh gach uile nithe a deanamh, chum seasamh. Seasaibh uime sin, air bhi d’ar leasraidh air an criosrachadh le fìrinn, agus uchd-èididh na fìreantachd umaibh; agus ullamhacha’ soisgeil na siothchaint, mar bhròga agaibh air bhur cosaibh, os ceann gach uile ni, a’ glacadh chugaibh sgiath á’ chreidimh, leis am bi sibh comasach air uile shaighde teinteach an droch Spioraid a chosgadh. Agus glacaibh clogaid na slàinte, agus cloidheamh an Spioraid, ni a ’s è briathar Dhe: A deanamh ùrnuigh a ghnà’ leis gach uile ghnè ùrnuigh agus ath-chuinge san Spiorad, agus ’a deanamh faire chum an ni so fein maille ris gach uile bhunachadh, agus guidheadh air son nan naomh uile; agus air mo shon-sa, chum gu tiubhrar dhamh comas labhairt, le fosgladh mo bheoil ann dánachd, chum gu foillsicheam diomhaireachd an t soisgeil: Air son am bheileam a’m’ theachdoire ann geimhlibh: chum ’s gu labhram gu dàna uime, mar is còir dhamh labhairt. An Soisgeul. Ioin iv. 46. BHa duine cumhach dach àraidh, aig an raibh a mhac gu tinn ann Capernaum. ’N uair a chual’ eisean gu ’n raibh Josa air teach a Judea do ’n Ghalilee, chuaidh è d’a ionnsuidh, agus ghuidh sè air gu ’n rachadh è sios, agus gu ’n slànuicheadh è a mhac: oir bha è re h uchd bàis. Ann sin a dubhairt Josa ris, Mur faic sibh comharthaidh agus miorbhuile, cha chreid sibh. A dubhairt an duine cumhachdach ris, A Thighearna, rach sios mum fuigh mo leanban bàs. Dubhairt Josa ris, Im’ich; ata do mhac beo. Agus chreid an duine am focal a labhair Josa ris, agus dh’ imich sè. Agus am feadh a bhaè fòs a’ dol sios, choinnich a sheirbhisich è, agus dh’ innis iad da, ag radh, ’Ta do mhac beo. Ann sin dh’ fheóraich sè dhuibh an uair ann deachaidh sè ’m feabhras: agus a dubhairt siad ris, An dè air an t seachdhmhadh uair dh’ fhàg am fiabhras è Mar sin dh’ aithnich an t athair gur b’i an uair sin fein, ann s an dubhairt Josa ris, ’Ta do mhac [TD 160] beo; agus chreid è fein, agus a theaghlach uile. ’S è so a-rìs an dara miorbhuil a rinn Josa, ’n uair a thainig sè a Judea do ’n Ghalilee. An dara Domhnach thair-fhichiod an deigh na Trionaid. An Urnuigh. ATA sin a’ guidhe ort a Thighearna, gu ’n coimhdeadh tu do theaglach an eaglais ann diaghachd do ghna; ionnas le do dhìdin gu ’m bi si saor o gach uile thrioblaidibh, agus air a h-aomadh gu cràbhach gu seirbheis a dheanamd dhuit ann deadh oibre, chum glóir t-ainm, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Phil. i. 3. ’TA mi toirt buidheachais do m’ Dhia gach uair a chuimhnicheas mi oirbh, (a ghná’ ann am uile ùrnuighibh air bhur son-sa uile, le gàirdeachas a’ deanamh guidheadh) air son bhur comh-pairt do ’n t soisgeul, o ’n cheud la gus a noise; air dhamh bhi dearbhta as an ni so fein, eadhon an ti thósaich deadh obair annaibh, gu’ n coi’-lion sè i gu là Josa Criosd: Eadhon mar is còir dhamsa so a smuainteachadh umaibh uile, do bhri’ gu bheil sibh agam ann mo chroidhe, agus gu bheil sibh uile, ’n ar luchd comh-pairt do m’ ghràs-sa, faraon ann mo gheimhlibh, agus ann an seasamh air son, agus ann an daingneachadh an t soisgeil. Oir is è Dia m’ fhia’nais, cia mèud mo mhiann oirbh uile, ann innibh Josa Criosd. Agus ata mi a’ guidheadh so, eadhon gu ’m biodh bhur gràdhsa air a mhèudachadh ni ’s mò ann eòlas, agus ann uile thuigse: Chum ’s gu ’n dearbh sibh na nithe a’s fearr; chum ’s gu ’m bi sibh tre’-dhireach, agus gun tuisleadh air bith gu là Chriosd; air bhur lionadh le toraibh na fìreantachd, a ’ta tre Josa Criosd chum glòir’ agus moladh Dhe. [TD 161] An Soisgeul. Mhat. xviii. 21. DUbhairt Peadar re Josa, A Thighearna, cia minic a pheacuicheas mo bhràair a’m’ aghaidh, agus a maitheas mi dha? An ann gu ruig an seachdmha’ uair? A dheir Josa ris, Ni abram riut, gus an seachdmha’ uair: ach, gu deich agus tri fichid seachd uaire. Air an adhbhar sin is cosmhuil rioghachd Nèimh’ re righ àraidh, ler b’àill cunntas a dheanamh r’a sheirbhiseachaibh. Agus an uair a thòsaich sè air cunntas a dheanamh, thugadh a h aon d’a ionnsuidh air an raibh aige deich mìle talanna. Ach do bhri’ nach raibh aige ni leis an deanadh è dioladh, dh’àithin a thighearn’ è fein, agus a bhean, agus a ehlann, agus gach uile nithe bha aig’ a reiceadh, agus dioladh a dheanamh. Air an àdhbhar sin do thuit an seirbhiseach sin sios, agus rinn sè umhlachd dha, ag radh, A Thigheaana, dean foighidin rium, agus iocaidh mi dhuit an t iomlan. Ann sin air do thighearna an òglaoich sin truas mòr a ghabhail ris, leig sè a chead da, agus mhaith sè na fiacha dha. Ach air dol do ’n t seirbhiseach sin fein amach, fhuair è h aon d’a choi’-sheirbhiseachaibh, air an raibh aige ceud peghinn: agus air dha làmh a chur ann, rug sè air scornach air, ag radh, Ioc dhamh na bhuill agam ort. Agus air tuiteam d’a choi’-sheirbhiseach sios aig a chosaibh, ghuidh sè air, ag radh, Dean foighidin rium, agus iocfuidh mi an t iomlan duit. Agus nior b’àill leisin sin: ach air imtheachd dha do thilg sè am prìosun è, gus an iocadh sè na fiacha. Agus an uair a chunnairc a choi’-sheirbhisich-sin na nithe do rinneadh, bha iad ro-dhoilich, agus thainig iad, agus dh’fhoillsich iad d’an tighearna gach ni a rinneadh. Ann sin air d’a thighearn’ a ghairm, a dubhairt sè ris, A dhroch sheirbhisich, mhaith me dhuit na fiacha ud uile, do bhri’ gu ’n do chuir thu impidh orm: Nach bu chòir dhuitse mar an ceudna tròcair a dheanamh air do choi’-sheirbhiseach fein, amhail mar a rinn mise tròcair ortsa? Agus air gabhail feirge d ’a thighearna, thug sè do na ceusadoiribh è, gus an iocadh sè fhiacha uile dha. Agus mar sin do ni m’ Athair neamhuidh ribhse, mur maith gach aon agaibh o bhur croidhibh d ’a bhràthair an cionta. [TD 162] An treas Domhnach ’air-fhichiod an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Dhe ar neart agus ar dion, is tu ughdar gach uile dhiaghachd; guidhemid ort, bi ullamh gu eisdeachd ri urnuighean cràbhach t eaglais; agus deonuich na nithe a dh’iarras sinn gu creidmheach, gu ’m faigh sinn iad gu h eifeachdach, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Phil. iii. 17. A Bràithaire, bithibhse le chèile ’n ar luchd-leanmhuin orm-sa, agus thugaibh an aire dhoibhsin at ’a gluasachd air an dòigh sin, mar ata sinne ’n ar eisempleir agaibh. (Oir ata mòran a’ gluasachd, mu ’n do labhair mi gu minic ribh, agus mu ’m bheil mi ’noise, eadhon a’ gul, a’ labhairt ribh, gur h iad naimhde crann-ceusaidh Chriosd: D’an deireadh bhi air an sgrios, d’an dia am brù: aig am bheil an glòir ’n an nàire, aig am bheil an aire air nithibh talmhaidh) oir ata ar coinbhearsaid-ne air neamh, an t ionad as am bheil dùil againn fòs ris an t Slànui’-fhear, an Tighearna Josa Criosd: Neach a chruth-atharraicheas ar corp dìbli, chum gu ’n deanthar è co’-chosmhuil r’a chorp glòmhor fein, a reir an oibreachaidh leis am bheil è comasach air na h uile nithe a chur fa cheannsal fein. An Soisgeul. Mhat. xxii. 15. ANn sin dh’imich na Phairisich, agus ghabh siad comhairle cionnas a dh’fheudadh iad eisean a ribeadh ’n a chainnt. Agus chuir siad d’a ionnsuidh an deisciobuil fein, maille re luchd leanmhuin Ioraith, ag radh, A mhaighisdir, ata fhios aguinn gu bhuil thu teagasg slige Dhe ann am fìrinn, agus nach bhuil suim agad do duine air bith: oir ni ’m bhuil thu ag amharc air pearsuibh dhaoine. Uime sin innnis dhuinne do bhar’ail, Am bhuil è ceaduicht’ cìs a thaibhairt do Cheasar, [TD 163] no nach bhuil? Ach air tuigsin am mioruin a dh’ Josa, a dubhairt sè, Creud fa ’m bhuil sibh ga m’ bhuaireadh, a chealgoirean? Nochduibh dhamh-sa airgiod na cìse. Agus thug iad d’a ionnsuidh peghinn. Agus a dubhairt sè riu, Cia dha a bhuineas an iomhaidh so, agus an scriobhadh ata m’a timchioll? A deir iadsan ris, Do Cheasar. A deir eisean riu ann sin, Thugaibh uime sin do Cheasar na nithe ’s le Ceasar; agus do Dhia, na nithe ’s le Dia. Agus air dhoibh so a chluinntin, ghabh siad iongantas, agus air dhoibh fhàgail, dh’imich iad rompa. An ceathramh Domhnach ’air-fhiochiod an deigh na Trionaid. An Uruigh. O Thighearna, guidhemid ort, fuasgail do phobul o ’n cionntaibh; ionnas le d’ mhor mhaitheas gu ’m bi sinn uile air ar saoradh o chuibhrich nam peacanna sin, a rinn sinn trid ar laigse. Deonuich dhuinn so, O Athair neamhaidh, air sgà Josa Criosd, ar Tighearna agus ar slanui’fhear beannuichte. Amen. An Litir. Col. i. 3. THa sinn a’ toirt buidheacheas do Dhia, agus Athair ar Tighearna Josa Criosd, a’ sìr-dheanamh ùrnuigh air bhur son-sa: O chuala sinn iom-radh air bhur creidimh-se ann Josa Criosd, agus air bhur grádh do na naomhaibh uile; air son an dòchais a’ta air a thasgaidh fa’r comhair-se air neamh, air an cuala sibh iom-radh roimhe ann am focal fìrinn an t soisgeil: A thainig d’ar ionnsuidhse, mar ann san t saoghal uile, agus a’ta tabhairt toraidh uaithe, mar ata è deanamh mar an ceudna ’n ar measgsa, o’n lá ann cuala sibh è, agus s an d’ fhuair sibh eòlas air gràs Dhe ann am fìrinn. Reir fòs mar a dh’fhoghluim sibh o Epaphras ar co’-sheirbhiseach gràdhach-ne, neach a ’ta air bhur son-sa ’n a mhinisteir dìleas do Chriosd; a chuir ann cèill dhuinne mar an ceudna bhur gràdh-sa ann san Spiorad. Air an àdhbhar so, ni bheil sinne fòs a’ sgur, o ’n là a chuala sinn è, do deanamh ùrnuigh air bhur son-sa, agus a ghuidheadh gu ’m biodh sibh air bhur lionadh le eòlas a thoil-sin, san uile ghliocas agus thuigse spioradail. Chum gu ’n gluaiseadh sibh [TD 164] gu cubhaidh do ’n Tighearna chum gach uile thoileachadh, a’ toirt toraidh uaibh san uile dheadh obair, agus a’ fàs ann eòlas De; air bhur neartachadh leis an uile neart a reir a chumhachd ghlòrmhoir-sin, chum an uile fhoighidin agus fhad-fhulangas maille re gàirdeachas; a’ tabhairt buidheachais do ’n Athair, a rinn sinne iomchu’idh chum bhi ’n ar luchd co’-pairt do oighreachd nan aomh san t solus. An Soisgeul. Mhat. ix. 18. AIr do Josa bhi a’ labhairt nanithe-se riu, fèuch, do thainig uachdaran àraidh, agus thug sè onoir dhò, ag radh, Fhuair m ’inghean bàs air ball: ach thig-se agus cuir do làmh uirre, agus bithidh si beo. Agus air eirigh do Josa, lean sè fein agus a dheisciobuil è. (Agus féuch, do thainig bean, air an raibh dòrtadh fola rè dhà bhliadhna dheug, air a chùl-thaobh, agus bhean si re iomall eadaich. Oir a dubhairt si innte fein, Ma bheanas mi ach re eadach, bithidh mi slàn. Ach air tionndadh do Josa m ’an cuairt, chunnairc sè i, agus a dubhairt sè, Inghean, biodh agad deadh mhisneach; shlànuich do chreidimh thu. Agus bha a’ bhean slàn o’n uair sin amach) agus an uair do thainig Josa gu tigh an Uachdarain, agus a chunnalrc sè an luchd ciuil, agus a’ chuideachd a’ deanamh toirm bhròin, A dubhairt sè riu, Im’ichibh romhaibh, oir ni ’m bhuil an nìonag marbh, ach ’n a codal. Agus rinn iad gàire le fanoid ris. Ach an uair chureadh a chuideachd amach, chuaidh sè a steach, agus rug sè air làimh uirre, agus dh’eirich an nìonag. Agus chuaidh iomradh sin amach air feadh na talmhain sin uile. An cuigeamh Domhnach ’air fhiochiod an deigh na Trionaid. An Urnuigh. O Thighearna, guidhemid ort, duisg suas tograidh do phobuil treibh-dhireach, ionnas air dhoibh toradh dheadh oibre thoirt amach gu pailt, gu ’m faigh iad mòr luigheachd uait-sa, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 165] Air son na Litir. Jer. xxiii. 5. FEuch, thig na laethibh, a deir an Thighearn, ann san tog mi suas do Dhaibhi meanglan fhìrineach, agus riaghluidh Righ agus soirbhichidh sè, agus cuiridh sè breitheanais agus ceartas an gniomh ann san talamh. ’Na laethibh-san bidh Juda air a shàbhaladh, agus gabhaidh Israel comhnuidh gu tearuinte; agus is se so ainm, leis am bi sè air a ghairm, AN TIGHEARNA AR FIREANTEACHD. Uime sin fèuch, thig na laeth, a deir an Tighearna, ann ’s nach abair iad tuille, gu mairreadh an Tighearna, a thug clann Israel suas amach a’ talamh na h-Eiphte; ach, gu mairreadh an Tighearna, a thug suas agus a threoruich sliochd tigh Israel amach as an tir-tuath, agus as gach uile dhuthaich ann san d’ iomain mi iad, agus ni iad comhnuidh nan’ tir fein. An Soisgeul. Join vi. 5. ANn sin ’n uair a thog Josa suas a shùile, agus a chunnaic sè gu ’n d’ thainig buidheann mhòr shluaigh d’a ionnsuidh, a deir sè re Philip, Cia ’n t àit’ as an ceannaich sinn aran chum gu ’n itheadh iadsan? Agus a dubhairt è so ’g a dhearbhadh: oir bha fhios aige fein ciod a dheanadh e). Freagar Philip è, Cha leòr dhoibh luach dha cheud peghinn a dh’ aran, chum ’s gu ’n gabhadh gach aon aca beagan. A dubhairt a h aon d’a dheisciobluibh, Aindreas, bràthair Shimoin Pheadair, rìs ’Ta òganach ann so, aig am bheil cuig arain eòrna, agus da iasg bheaga: ach ciod iad so a’ measg na h uiread? Agus a dubhairt Josa, Thugaibh air na daoinibh suidhe sios. ’Noise bha mòran feoir ann san aite. Air an àdhbhar sin shuidh na daoine sios, áireamh timchioll chuig mìle. Agus ghlac Josa na h arain, agus air breith buidheachais da, roinn sè air na deisciobuil orra-san shuidh: agus mar an ceudna do na h iasgaibh beaga, mhèud ’s a b’àill leo. ’N uair a shàsuicheadh iad, a dubhairt sè r’a dheisciobluidh, Cruinnichibh am biadh briste ’ta thuilleadh ann, chum ’s nach caillthear a bheag. Air an àdhbhar sin cruinnich siad è r’a chèile, agus lion iad da-chliabh-dheug do sbruileach nan cuig aran eòrna, a bha dh’ fhuigheall aig a’ mhuintir a dh’ ith. Ann sinn ’n uair a chunnaic na daoine ud am miorbhuil a rinn Josa, a dubhairt siad, Gu fìrinneach is è so am fáidh ud a bha gu teachd chum an t saoghal. [TD 166] ¶ Ma bhios tuille do dhomhnach roimh na h-Adbheint, bidh seirbheis cuid do na domhnachaibh sin ata air am fagail an deigh an taisbenidh air an toirt a’ steach a dheanamh suas a mhead ’s ata air chall ann so; agus ma bhios no s’lutha bhios am fuidhalach air am fagail as; ma seadh, as gu ’m bi an Urnuigh, an Litir, agus an Soisgeul fa dheireadh so, daonan air an gnathachadh air an domhnach a’s faigse roimh an Adbheint. La a’ Naoimh AINDREA. An Urnuigh. O Dhe uile chumhachdaich, a thug a leithid do ghr s do d’ Absdail naomh Aindrea, a’ s gu’n d’thug è umhlachd chroidheil do ghairm do Mhic Josa Criosda, agus gu ’n do lean se è gun mhoille: deonuich dhuinn uile, air bhi dhuinn air ar gairm le t-fhocal naomh, gu’n tabhair sinn sinn-fein sùas gù h-umhla chum t-àitheantan naomh a choi’lionadh, trid a n-Josa Criosd cheudna ar Tighearna. Amen. An Litir. Rom. x. 9. MA dh’ aid’icheas tu le d’ bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann do chroidhe, gur thog Dia o na marbhaibh è, sabhalar thu. Oir is ann leis a’ chroidhe a chreidear chum fireantachd, agus leis a’ bheul a dh’ aid’ichear chum slainte. Oir a deir an sgriobtuir, Ge b’è neach a chreideas ann-san, cha nàraìchear è. Oir cha ’n ’eil eidear dhealachadh eidear an t Judhach agus an Grengach; oir an t aon Tighearna a ’ta os-cionn gach uile, tha è saibhir do gach uile a ghairmeas air. Oir ge b’e neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, sabhalar è. Ach cionnas a ghairmeas iad air sin ann s nach do chreid iad? agus cionnas a chreideas iad ann san ti air nach cual’ iad iomradh? agus cionnas a chluinneas iad gun searmonuìche? Agus cionnas a ni iad searmoin, mur cuir’ear iad? mar ata è sgriobhta, Cia sgiamhach cosa na muintir sin a ’ta searmonachabh soisgeil na siothchaint, a ’ta toirt sgèil aoibhneich air nithibh maithe! Ach cha raibh iad uile umhail do’n t soisgeul. Oir a deir Esaias, A Thighearna, co a chreid ar n aithris-ne? Uime sin, is ann o eisdeachd a [TD 167] thig creidimh, agus eisdeachd tre fhocal De. Ach a deiream, Nach cual’ iad? Chuala gu deimhim, chuaidh ’m fuaim air feadh gach tìr’ amach, agus am briathra gu omallaibh an domhain. Ach a deiream, nach raibh fios aig Israel? Air tùs, a deir Maois, Cuiribh mi èud oirbh le Cinneach nach ’eil ’nan Cinneach, agus le Cinneach neo-thuigseach cuiribh mi fearg oirbh. Ach ata Esaias ro-dhàna, agus deir sè, Fhuaradh mi leo-san nach d’ iarr mi; dh’ fhoillsicheadh mi dhoibhsin nach d’ fhiosraich aìr mo shon. Ach re Israel a deir sè, shìn mi ’mach mo làmhan rè an là gu h iomlan re pobull eas-umhal agus a labhras a’m’ aghaidh. An Soisgeul. Mhat. iv. 18. AIg im’eachd do Iosa re taoibh fairge na Galilee, chunnairc sè dias bhràithre, Simon, d’ an goirthear Peadar, agus Aindreas a bhràthair, a’ tilgeadh lìn san fhairge: (oir b’iasgairibh iad). Agus a deir se riu, Leanaibh mise, agus ni mi iasgairidh air daoinibh dhibh. Agus air faghail an lionna air ball dhoibh, lean siad eisean. Agus air trial da as sin, chunnairc sè dias eile bhràithre, Seumas mac Shebedee, agus Eoin a bhrathair, ann luing maille r’ an athair Sebedee, ag caramh an lionta: agus ghairm sè iad. Agus air faghail na luinge, agus an athar dhoibh air ball do lean fiad è. Naomh TOMAIS an t-Absdail. An Urnuigh. O Dhe uile chumhachdaich agus mhairtheanach, a leig le t-Absdail naomh Tomais eis-eirigh do Mhic a chuir ann teagamh, chum gu ’n biodh a’ chreideamh na ’s mo air a dhain’eacha’; Deonuich dhuinne creidsin’ ann do Mhac Josa Criosda co iomlan, agus gun amharas air bith, ionnas nach be ar creideamh gu brath air a chronachadh an a d lathair. Eisd ruinn, O Thighearna, trid an Josa Criosd cheudna, ga ’n rabh a maille reutsa agus ris an Spiorad [TD 168] Naomh, gach uile onair agus gloir, nis agus gu siorruidh. Amen. An Litir. Ephes. ii. 19. ’NOise uime sin cha’n ’eil sibh ni ’s mò ’n ar coimhich agus ’n ar coigrich, ach luchd-aon-bhaile ris na naomhaidh, agus ’n ar muintir-teaghlaich Dhe; agus ata sibh air bhur tog’aìl suas air bunadh nan abstol agus nam faidhean, air bhi do Josa Criosda fein ’na chloich-chion na h oisinn; ann s a’ bheil an aitreabh uile, ceangailte gu ceart r’a chèile, a’ fas suas chum bhi ’n a teampull naomha san Tighearna: Ann am bheil sibhse mar an ceudna air bhur co’-thog’ail suas chum bhi ’n ar tigh comhnuidh do Dhia trid an Spioraid. An Soisgeul. Eoin xx. 24. CHa roibh Tomas, aon do ’n da-fhear-dheug, d’an goir’ear Didimus maille riu n uair a thainig Iosa. Uime sin a dubhairt na deisciobuil eile ris, Chunnaic sinne an Tighearna. Ach a dubhairt eisean riu, Mur faic mise aileadh nan tairngean ’na lamhaibh, agus mor cuir mi mo mhèur ann aileadh nan tairngean, agus mur cuir mi mo lamh ’n thaoibh, cha chreid mi. Agus ann ceann ochd laith’ ’n a dhiaigh sin, bha a dheisciobuil a-ris a stigh, agus Tomais maille riu; thainig Iosa, agus na dorsa duinte, agus sheas è sa mheadhon, agus a dubhairt sè, Sith dhuibh. ’Na dheigh sin a dheir sè re Tomas, Cuir ann so do mhèur, agus feuch mo lamhan; agus sìnn ann so do lamh, agus cuir a’m’ thaoibh ì; agus na bi mi-chreid’each; ach creid’each. Agus fhreagair Tomas, agus a dubhairt sè ris, Mo Thighearna agus mo Dhia. Deir Iosa ris, Air son gu faca tu mi, a Thomais, chreid thu: ’s beannuicht’ iadsan nach faca, agus a chreid. Agus rinn Iosa gu fìrinneach mòran do mhiorbhuilibh eile am fia’nais a dheisciobul, nach ’eil sgriobhta san leabhar so. Ach ata iad so sgriobhta, chum gu’n creideadh sibh gur è Iosa an Criosd Mhac Dhe, agus ag creidsin duibh, gu’m biodh agaibh beatha trìd ainm-se. [TD 169] Iompochadh N. PHOIL an Diaghair. An Urnuigh. O Dhe, do thug air solus an t-Soisgeul dealra feadh an t-saoghail uile, le searmanachadh an Absdail bheannuichte Naomh Pòl; guidheamaid ort, deonuich, air dhuinn cuimhne do bhi againn air iompochadh iongantach-san, gu’n taisbein sinn ar buidheachas dhuit-se air son a’ nì cheudna, le bhi leanachd an fhoghlum naomh do theagaisg è, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. Air son na Litir. Gniomh. ix. 1. AGus air bhi do Shaul fos a’ seideadh bagraidh, agus àr ann aghaibh dheisciobuil an Tighearna, chuaidh è chum an ard-shagairt. Agus dh’ iarr è litriche uaithe gu Damascus chum nan sionagog, chor nam fuigheadh è aon neach do ’n t slighe so, co aca bu daoine no mnai iad, gu’n d’ thugadh è leis ceangailte gu Hierusalem iad. Agus ag im’eachd dha, tharladh gu’n do dhruid è re Damascus; agus dhealraich gu h obann mu ’n cuairt air solus o neamh. Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala sè guth ag radh ris, A Shauil, a Shauil, c’ar son ata thu a’ geur-leanmhuin ormsa? Agus a dubhairt eisean, Co thu, a Thighearna? Agus a dubhairt an Tighearna, Is mise Iosa air am bheil thusa a’ deanamh geur-leanmhuin: Is cruaidh dhuitse breabadh ann aghaidh nan dealg. Agus air dha-san bhi air chrith agus lan ua’bhainn, a dubhairt sè, A Thighearna, ciod is aill leat mise a dheanamh? Agus a dubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus rach a steach do’n bhaile, agus innsear dhuit ciod is còir dhuit a dheanamh. Agus sheas na daoine bha ’g im’eachd maille ris gun chainnt, ag cluintin a’ ghutha, ach gun neach air bith fhaicsin. Agus dh’eirich Saul o’n talamh, agus air fosgladh a shùl dha, cha’n fhaca sè neach air bith; ach air dhoibh breith air a laimh, threòraich siad e gu Damascus. Agus bha è tri laith’ gun radharc, agus cha d’ith agus cha d’ol è ni air bith. Agus bha deisciobul araidh ann Damascus, d’am b’ ainm Ananias, agus a [TD 170] dubhairt an Tighearna risean ann am foillseachadh, Ananias. Agus a dubhairt eisean, Fèuch, ata mi ’n so a Thighearna. Agus a dubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus im’ich do ’n t sraid, d’ an goir’ear Dìreach, agus iar ann an tigh Iudais, duin’ o Tharsus d’an goirthear Saul; oir fèuch, ata e re ùrnuigh. Agus chunnaic è ann am foillseachadh duine d’ an ainm Ananias, a’ teachd a steach, agus a’ cur a laimh’ air, chum gu ’m fuigheadh è a radharc. Ann sin fhreagair Ananias, A Thighearna, chuala mi o mhòran mu’n duine so, cia lion olc a rinn se do d’ naomhaibh ann Ierusalem: agus ata ann so aige ùghdarras o uachdranaibh nan sagart, iadsan uile a cheangal a ’ta gairm air t ainm. Ach a dubhairt an Tighearna ris, Im’ich: oir is soitheach taghta dhamh-sa è, chum m’ainm a ghiulan am fia’nais nan cinneach, agus righridh, agus chloinn Israeil. Oir nochdaidh mise dha cia meud na nithe a’s eigin da fhulang air sga’ m’ ainmse. Agus dh’imich Ananias, agus chuaidh è steach do ’n tìgh; agus ag cur a lamhan air, a dubhairt sè, A bhrathair Shauil, chuir an Tighèarna (eadhon Iosa a dh’ fhoillsicheadh dhuitse ann s an t slighe air an d’ thainig thu) mise chum gu ’m fuigheadh tu do radharc, agus gu ’m biodh tu air do lionadh leis an Spiorad naomh. Agus air ball thuit o shuilibh amhuil lannan; agus dh’aisigeadh a radharc dha gun dail, agus air dha eirigh, bhaisteadh è. Agus air gabhail bidh dha, neartaicheadh è. Ann sin bha Saul laith’ araidh maille ris na deisciobluibh a bha ann Damascus. Agus air ball shearmonaich sè Criosd ann sna sionagogaibh, gur easean Mac Dhe. Ach bha gach uil’ a chual’ e fa ua’bhas, agus a dubhairt siad, Nach è so eisean a bha sgrios ann Ierusalem iadsan a bha gairm air an ainm so, agus a thainig ann so chum na crìche sin, gu’n d’ thugadh sè ceangailte iad dh’ionnsuidh uachdaran nan sagart? Ach bu mhoid a neartaicheadh Saul, agus chuir sè gu h amhluadh na h Iudhaich a bha chomhnuidh ann Damascus, a’ dearbhadh gur è so an Criosd. An Soisgeul. Mhat. xix. 27. FHreagair Peadar, agus a dubhairt se ri Iosa, Feuch, do threig sinne gach uile nithe, agus lean sinn thusa; air an adhbhar sin creud a gheibh sinn? Agus a dubhairt Iosa riu, Gu deimhin a deirim ribh, sibhse a lean mise ann san ath-ghineamhuin, ’n tra’ shuidheas Mac an duine air caithir a ghlòire fein, gu’n suidh sibhse mar an ceudna air dà-chaithir- [TD 171] dheug, a’ tabhairt breith air dà-threibh-dheug Israeil. Agus ge b’è neach a thrèig tighe, no bràithre, no pearaiche, no Athair, no Mathair, no bean-phosda, ’no clann, no fearann air sgath m’ainmse, gheibh se a’ cheud uiread agus a’ bheatha mhairtheanach mar oighreachd. Ach ata mòran air thoiseach, a bhitheas air dheireadh; agus air dheireadh, a bhitheas air thoiseach. Taisbeanadh Chriosd ann san Teampul, d’ an goirear gu coitchion, Glanadh na h-Oigh Muirre. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh; tha sinn gu h-umhla a’ guidhe do mhòrachd, ionnas mar a bha t-aon-ghin Mhic air an la so air a thaisbeanadh s-an teampull ann am brìgh ar feola; gu ’m bi sinn-ne mar an ceudna air ar taisbeinadh a’ d’ lathair-se le cridheachaibh geamnidh agus fior ghlan, leis an ti cheudna do Mhac Josa Criosd ar Tighearna. Amen Air son na Litir. Mal. iii. 1. FEuch cuiridh mi mo theachdaire mach, agus ulluichidh è an t-slighe romham: agus thig an Tighearna ata sibh aig iarruidh d’a theampull fein gu hobann; eadhon Teachdaire a’ chumhnant, ann s am bheil toil agaibh; feuch, thig se, a deir Tighearna nan sluagh. Ach co dh’ fheudas la a theachd a ghiulan? agus co sheasas a nuair a dh’ fhoillsicheas se è fein? oir is cosmhuil è ri teine fir glanaidh, agus ri siapan fear-gealuicheadh. Agus suighidh se mar fhear leagha agus mar fhear-glanadh airgid; agus glanuidh se Mic Lebhi, agus sgùraidh se iad amhail òr agus airgiod, chum gu ’n ofrail iad do’n Tighearna ofrail ann am fireantachd. An sin bithidh ofrailean Juda agus Jerusalem taitneich do ’n Tighearna, mar ann sna laeth o shean, agus mar ann sna bliadhnuidh roimhe so. Agus thig mi fogas dhuibh c hum breitheamhnais agus bithidh mi a’ m’ fhiadhnuis luath an aghaidh luchd-fiosachd, [TD 172] agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh luchd-mhionnan-eithich, agus an aghaidh an dream do ni foirneart air an fhear-tuarasdail ’n a dhuais, air a bhaintreach, agus air an dileachdan, agus a thiontas air falbh an coigreach o chòir, agus nach gabh eagal romham sa, a deir Tighearna nan sluagh. An Soisgeul. Luc. ii. 22. AGus an uair a choi’-lionadh laith’ a glanaidh, a reir lagh Mhaois, thug iad eisean gu Hierusalem, chum a thaisbeanadh do ’n Tighearna, (mar ata è sgriobhta ann an lagh an Tighearna, Gach ceud ghin mic a dh’fhosglas a’ bhrù, goirthear naomha do’n Tighearna è.) Agus a thabhairt ìobairt a reir mar a deirthear ann lagh an Tighearna, Paidhir thurtuir, no da cholman òga. Agus feuch, bha duine ann Hierusalem, d’am b’ainm Simeon; agus bha ’n duine so ionnraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige re solas Israeil; agus bha ’n Spiorad Naomha air. Agus dh’fhoillsicheadh dha leis an Spiorad naomh’, nach faiceadh é bas, gus am faiceadh se Chriosd an Tighearna. Agus thainig e le treòrachadh an Spioraid do’n teampull: agus an uair a thug na paranta’ an leanabh Iosa a stigh, chum’s gu’n deanadh iad air a shon a reir gnathuchadh an lagha, Ann sin ghlac eisean air a ghairdinibh e, agus bheannuich se Dia, agus a dubhairt e, Anois’, a Thighearna, ata thu leigeadh do d’shearbhant siuhhal ann sith, a reir t fhocail. Oir chunnairc mo shuile do shlainte; a dh’ ull’uich thu roimh ghnùis nan uile phobull: Solus a shoillseachadh nan Geintileach, agus gloir do phobuill Iraeil. Agus ghabh Ioseph agus a mhathair iongantas ris na nithibh a labhradh uime. Agus bheannuich Simeon iad, agus a dubhairt se re Muire a mhathair, Feuch, do chuireadh an leanabh so chum tuiteam agus eiseiridh mhòrain ann Israel; agus ’na chomharth’ a labhrar ’na aghaidh: (Agus fos theid cloidheamh tre d’ anam-sa fein) chum’s gu’m foillsichear smuaintidh croidheacha mhorain. Agus bha fos Anna ban fhaidh, inghean Phanuel, do threibh Aser; agus bha i ro aosmhor, agus chaith i seachd bliadhna maille re fear o am dh’i bhi ’na h òigh. Agus bu bhain-trea’ch i mu thimchioll ceithir bliadhn’ agus ceithir fichead a dh’ aois; neach nach deachaidh o’n teampull, a’ deanamh seirbhis do Dhia a la agus a dh’oidhch’ le trosgadh agus le h úrnuigh. Agus air teachd dh’ise a stigh sa cheart uair sin fein, thug i moladh do’n Tighearna, agus labhair si m’a thimchioll riu-san uile aig an [TD 173] raibh dûil re saorsa ann an Ierusalem. Agus ’n uair a choi’-lion iad na h uile nithe a reir lagh’ an Tighearna, phill iad do ’n Ghalilee, d’am baile fein Nasaret. Agus dh’fhas an leanabh, agus neartuicheadh ann spìoraid e, air a lionadh le gliocas; agus bha ghrasa Dhe air. La N. MATTHIAS. An Urnuigh. O Dhe uile chumhachdaich, a roghnuich do sheirbheiseach firineach Matthias do chum a bhi ann aireamh an da Absdail dheug, ann aite an troit’eir Judas; Deonuich, air bhi do d’ Eaglais do ghna air a gleidheadh o Absdolaibh breigeadh, gu bi si air a h-orduchadh agus air a stiuradh le luchd teagaisg threibh dhirich agus firineach, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. Air son na Litir. Gniomh. i. 15. ANn sna laithibh sin dh’eirich Peadar ann am meadhon nan deisciobul, agus a dubhairt se, (b’e aireamh nan ainmeanna bha lathair, mu thimchioll ceud agus fichead) Fheara agus a bhraithre, b’eigin an sgriobtuir so bhi air a choi’-lionadh, a roimh-labhair an Spiorad naomh le bheul Dhaibhidh timchioll Iudais, a bha ’n a cheann-iuil aca-san a ghlac Iosa. Oir bha e air aireamh maille ruinne, agus fhuair e cuibhrionn do ’n mhinistreileachd so. ’Noise cheannaich am fear so fearann le duais na h ea-corach; agus air dha tuiteam ann comhair a chinn, sgain e sa mheadhon, agus bhruchd a mhionach uile amach. Agus rinneadh so aithnichte do luchd-aitechadh Ierusaleim uile; ionnas gu’n goir’ear do ’n fhearann sin ’n an cainnt fein, Aceldama, sin re radh Fearann na fola. Oir ata e sgriobht’ ann an leabhar nan salm, Biodh aite comhnuidh ’n a fhasach, agus na gabhadh neach sam bith tamh ann; agus Glacadh neach eile a dhreachd. Air an adhbhar sin is coir a h aon do na daoinibh sin a bha maille ruinne, re na h aimsir’ sin uile ann deachaidh Iosa ar Tighearna a steach agus [TD 174] amach ’n ar measg-ne, Ag tionnsgnadh o bhaisteadh Eoin, gus an là an do thogadh suas uainn è, bhi air a dheanamh ’n a fhianais air eiseirigh-sin maille ruinne. Agus dh’ òrduich iad dias, Joseph d’an goir’ear Barsabas, d’am bu cho’-ainm Justus, agus Mattias. Agus air deanamh ùrnuigh dhoibh, a dubhairt siad, Thusa a Thighearna, d’an aithne croidheacha nan uile dhaoine, foillsich co do ’n dias so a thagh thu, A ghabhail cuibhrinn do ’n mhinistreileachd agus do ’n abstolachd so, o ’n do thuit Judas le seachran, chum gu ’n rachadh sè gu áite fein. Agus thilg iad an croinn; agus thuit an crann air Mattias, agus bha sè air àireamh maille ris an aon-abstol-deug. An Soisgeul. Mhat. xi. 25. ANn san àm sin fhreagair Josa agus a dubhairt sè, Bheirim buidheachas dhuit, o Athair, a Thighearna nèimh’ agus talmhain, air son gu d’fhoillsigh thu na nithe sin o dhaoinibh eagnuidh agus tuigseach, agus gu d’fhoillsich thu iad do leanbuibh. A seadh, Athair do bhrigh gur a b’ann mar sin a bha do dheadh thoilse. Ata gach uile nithe air an tabhairt thairis dhamh-sa o m’ Athair: agus ni h aithneadh do neach air bith a’ Mac ach an t Athair: ni mo is aithne do neach air bith an t Athair, ach a’ Mac, agus gach aon d’an àill leis a’ Mhac fhoillsicheadh. Thigibh a’ m’ionnsuidhs’ uile ata re saothair, agus fui’ throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhuibh mo chuing oirbh, agus fòghlomaibh uam, oir ata mise macant’ agus umhal ann croidhe: agus gheibh sibh fois d’ar n anmaibh. Oir ata mo chuingse so iomchar, agus ata m’uallach eatrom. An Teachdaireachd gus an an Oigh Bheannuichte MUIRE. An Urnuigh. O Thighearna, guidhimid ort, dòirt do ghràs ann ar cridheachaibh, ionnas mar do fhuair sinn fios air feoil-ghabhail do Mhic Josa Criosd le teachdaireachd aingil; mar [TD 175] sin gu ’m bi sinn, le chèusa agus le bhàs, air ar toirt chum glòir ais-eirigh-sin, trid an Josa Criosd cheudna ar Tighearna. Amen. Air son na Litir. Isai. vii. 10. TUille eile, labhair an Tighearna a rithist ri Ahas, ag radh, Jarr comhara air an Tighearna do Dhia; iarr è ann san doimhneachd shos, no sann airde shuas, ach a dubhairt Ahas, cha ’n iarr mi, agus cha chuir mi buaireadh air an Tighearna. Agus a dubhairt s’è, Eisdibh a nise, O thigh Dhaibhi, a’ nì suarach libh-se campar a chur air daoine, ach an cur sibh campar air mo Dhia-sa mar an ceudna? Air an aobhar sin bheir an Tighearna fein comhara dhuibh, Feuch, torruichidh Maighdion agus beiridh s’ì Mac, agus bheir iad Immanuel a dh’ainm air. Im agus mil a dh’ itheas è, do chum gur h-aithne dha an t olc do dhiulta, agus a maith do roghnachadh. An Soisgeul. Luc. i. 26. AGus ann san t seathadh mìos, chuireadh an t Aingeal Gabriel o Dhia, gu caithir do ’n Ghalilee, d’ am b’ainm Nasaret, dh’ionnsuidh òigh a bha fa cheangal pòsaidh aig fear d’ am b’ainm Joseph, do thigh Dhaibhidh, agus b’è ainm na h òighe Muire. Agus air dol a steach do ’n Aingeal d’a h ionnsuidh, a dubhairt sè, Fàilte dhuit, o thusa d’ an do nochdadh mòr-fhàbhar, ata ’n Tighearna maille riut: is beannuicht’ thu a’ measg bhan. Agus an uair a chunnaic si è, bha i fa thriobloid inntin air son na cainnte so, agus a’ reasunachadh creud a’ ghnè altacha-beatha dh’fheuda’ bhi ’n so. Agus a dubhairt an t aingeal ria, Na biodh eagal ort, a Mhuire: oir fhuair thu gràsa o Dhia. Agus fèuch, gabhaidh tu a’d’ bhroinn, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Josa dh’ ainm air. Bithidh sè mór, agus goirthear Mac an Ti a’s ro-airde dheth; agus bheir an Tighearna Dia dha righ chaithir athar fein Dhaibhidh. Agus bithidh sè ’n a Righ air tigh Jacob gu bràth, agus cha bhi crioch air a rioghachd. Agus a dubhairt Muire ris an aingeal, Cionnas a bhitheas so, do bhri’ nach ’eil aithne agamsa air duine? Agus fhreagair an t Aingeal agus a dubhairt sè ria, thig an Spiorad naomha ort, agus cuiridh cumhachd an Ti a’s àirde sgàil ort: uime sin an ni naomha sin a bheirthear leat, goirthear Mac De dheth. Agus fèuch, do [TD 176] bhan-charaid Elisabet, ata ise fein torrach air mac ’n a sein aois; agus ’s è so an seathadh mìos dh’ise d’ an goirteadh bean aimrid. Oir ni ’m bheil ni sam bith do dheanta do Dhia. Agus a dubhairt Muire, Fèuch ban-oglach an Tighearna, biodh è dhamh-sa reir t fhocail. Agus dh’fhalbh an t aingeal uaipe. La N. MHARCUS. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, do theagaisg t-eaglais naomh le foghlam neamhuidh do shosgeulaich Marc naomh; tabhair dhuinne gràs, chum nach bi sinn mar chloinn bhig air luasgadh leis gach osaig do theagaisg diamhain, ach gu ’m bi sinn air ar daingneachadh ann am fìrinn do shoisgeil naomh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Ephes iv. 7. ACh thugadh gràs do gach aon againn a reir tomhais tiodhlaic’ Chriosd. Uime sin a deir sè, Air dol suas da ann àird’, thug è bruid am braighdeanas, agus thug sè tiodhlacaidh do dhaoinibh. (’Noise gu ’n deachaidh è suas, creud è ach gu ’n deachaidh è air tùs sios gu ionadaibh iochdrach na talmhain? An ti a chuaidh sios, is è sin fein è a chuaidh suas mar an ceudna gu ro-àrd os ceann nan uile neamha, chum gu ’n lionadh è na h uile nithe) agus thug è droing áraidh, gu bhi ’n an abstolaibh: droing eile, gu bhi ’n am fàidhibh: agus droing eile, gu bhi ’n an soisgeulaichibh; agus droing eile, gu bhi ’n an aodhairibh, agus ’n an luchd teagaisg; chum na naoimh a dheanamh iom-lan, chum obair na ministreileachd, chum tog’ail suas cuirp Chriosd: Gus an d’ thig sinn uile ann aonachd a’ chreidimh, agus eòlais Mhic Dhe, chum duine iom-lan, chum tomhais àirde iomlanachd Chriosd: Chum as nach bi sinn o so suas ’n ar leanabaibh, air ar tonn luasgadh, agus air ar giùlan mu ’n cuairt leis gach uile ghaoith teagaisg, le cleasachd dhaoine, agus seòltachd chealgach, leis am bheil iad gu h innleachdach a’ luidheadh am plaid chum meallaidh: Ach a’ la- [TD 177] bhairt na fìrinn an grádh, gu ’m fàs sinn suas ann sna h uile nithibh chuige-sin, a’s è an ceann, eadhon Criosd: O ’m bheil an corp uile, air a cheangal gu ceart, agus air a dhlùthachadh trìd an ni sin a ’ta gach alt a’ toirt uaithe, a reir oibreachadh eifeachdach ann tomhas gach buill, a’ faghail fàs cuirp, chum a thog’ail fein suas ann gràdh. An Soisgeul. Join xv. 1. IS mise an fhìneamhuin fhior, agus is è m’ Athair an treabhaiche. Gach uile gheug ionnamsa nach ’eil a’ giulan toraidh, bheir sè air falbh i: agus gach uile gheug a ’ta tabhairt toraidh, glanaidh sè i, chum as gu ’n giulan i tuilleadh toraidh. ’Nois’ ata sibhse glan tre an fhocal a labhair mi ribh. Fanaibh ionnamsa, agus mise ionnaibhse. Mar nach urradh a’ gheug toradh a thoirt uaipe fein, mur fan i san fhìneamhuin: cha mhò is urradh sibhse, mur fan sibh ionnamsa. ’S mise an fhìneamhuin, sibhse na geuga: an ti dh’fhanas ionnamsa, agus mise ann-san, bheir eisean mòr thoradh uaithe: oir as m’ eugmhais-se cha ’n urradh sibh aon ni dheanamh. Mur fan neach ionnamsa, ’ta sè air a thilgeadh amach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad san teine iad, agus loisgear iad. Ma dh’ fhanas sibh ionnamsa, agus ma dh’ fhanas m’ fhocail ionnaibhse, iarraidh sibh gach ni a’s àill libh, agus nithear dhuibh è. Ann so ata m’ Athair air a ghlòrachadh, gu ’n toir sibhse mòr thoradh uaibh, agus bithidh sibh ’n ar deisciobuil dhamh-sa. Mar a ghràdhaich an t Athair mise, ’s amhuil sin a gràdhaich mise sibhse: fanaibhse ann am grádh. Ma choimheadas sibh m’ àitheanta, fanaidh sibh ann am gràdh: mar a choimhid mise àitheanta m’ Athar, agus ataim a’ fantuin ’n a ghràdh. Na nithe so labhair mi ribh, chum’s gu fanadh mo ghairdeachas ionnaibh, agus gu ’m biodh bhur gàirdeachas-sa lan. La N. PHILIP agus SHEUMAIS. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, is i a bheatha shiorruidh fior eolas do bhi ort; deonuich gu ’m bi fior eolas againn gur h-è do Mhac Josa Criosd an t-slighe, an fhìrinn, agus a beatha; chum [TD 178] air dhuinn ceumana t-Abstala naomh Philip agus Sèumas a leanmhuin, gu ’n siubhail sinn gu bunailteach san t-slighe a threoruicheas a chum na beath shiorruidh, trid do Mhac ceudna Josa Criosd ar Tighearna. An Litir. Sheum. i. 1. ’TA Seumas searbhant Dhe, agus an Tighearna Josa Criosd, a’ cur beannachd chum an dà threibh-dheug a ’ta air an sgapadh o chèile. Mo bhráithre, measaibh mar an uile gàirdeachas ’n uair a thuiteas sibh ann iomadh gnè bhuairibh; air dhuibh fios so bhi agaibh, gu ’n oibrich dearbhadh bhur creidimh foighidin. Ach biodh aig an fhoighidin a h obair dhiongmhalta fein, chum ’s gu ’m bi sibh diong’alta agus iomlan, gun uireasbhuidh ni sam bith. Ma ’ta aon neach agaibh a dh’ uireasbhuidh gliocas, iarradh è sin o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt’, agus nach dean maoidheamh; agus bheir’ear dha è. Ach iarradh è le creidimh, gun bhi fuidh amharus sam bith: oir an ti ata fuidh amharus, is cosmhuil è re tonn na fairge, a shèidear le gaoith, agus a’ta air a luasgadh chuig’ agus uaithe. Oir na saoileadh an duine sin gu ’m fuigh è ni air bith o ’n Tighearna. ’Ta fear na h inntin dùbailt’ neo-sheasmhach ’n a uile shlighibh. Deanadh am bràthair a ’ta ìosal gàirdeachas gu ’n d’ àrdicheadh è: Ach an duine saibhir, gu ’n d’ islicheadh è: do bhri’ mar bhlàth an fheoir gu ’n d’ theid è thairis. Oir air eirigh do ’n ghrèin le dian theas, crìonaidh si am feur, agus tuitidh a bhlath, agus theid maise a dhreach am mugha: ’s amhuil sin fòs a sheargas an duine saibhir ’n a shlighibh. ’S beannuicht’ an duine a ghiulainas buaireadh: oir ’n uair a dhearbhar è, gheibh sè crùn na beatha, a gheall an Tighearna do ’n droing a ghradhaicheas è. An Soisgeul. Ioin xiv. 1. AGus a dubhairt Josa ra deisciobuil, na biodh bhur croidhe fuidh thriobloid: ata sibh a’ creidsin ann Dia, creidibh ionnamsa mar an ceudna. Ann tigh m’ Atharsa ’ta iomadh àite comhnuidh; mur biodh è mar sin, dh’ innsinnse dhuibh: ata mi dol a dh’ ull’uchadh áite dhuibh. Agus ma theid mi agus gu ’n ull’uich mi aite dhuibh, thig mi arìs, agus gabhaidh mi sibh m’ ionnsuidh fein, chum [TD 179] far am bheil mi, gu ’m bi sibhse ann mar an ceudna. Agus is aithne dhuibh c’ ait’ am bheil mi dol, agus is aithne dhuibh an t slighe. Deir Tomas ris, A Thighearna, cha ’n ’eil fhios againn ’c âit’ am bheil thu dol, agus cionnas a dh’ fheudas eòlas na slighe bhi againn? Deir Josa ris, Is mise an t slighe, agus an fhìrinn, agus a beatha: cha d’ thig aon neach chum an Athar ach triomsa. Nam b’ aithne dhuibh mise, b’ aithne dhuibh m’ Athair mar an ceudna: agus a so suas is aithne dhuibh è, agus chunnaic sibh è. Deir Philip ris, A Thighearna, foillsich an t Athair dhuinne, agus is leòr leinn è. Deir Josa ris, Am bheil mise ùine co’-fhada maille ribh, agus nach aithne dhuit fós mi, Philip? an ti a chunnaic mise chunnaic sè ’n t Athair; agus cionnas a deir thu, Foillsich an t Athair dhuinn? Nach ’eil thu creidsin gu bheil mise ann san Athair agus an t Athair ionnamsa? na briathra ’ta mi labhairt ribh, cha ’n ann uam fein ata mi ’g an labhairt: ach an t Athair, a ’ta gabhail comhnuidh ionnamsa, tha eisean a’ deanamh nan oibridh. Creidibh mise, gu bheil mi ann san Athair, agus an t Athair ionnamsa: no, creidibh mi air son nan oibridh fein. Gu deimhin, deimhin a deirim ribh, An ti a chreideas ionnamsa, na h oibridh a’ ta mise a’ deanamh ni eisean mar an ceudna, agus ni è oibridh a’s mò na iad so; do bhri’ gu bheil mise dol chum m’ Athar. Agus ge b’è ni a dh’ iarras sibh a’ m’ ainm-se, ni mise sin, chum ’s gu ’m bi an t Athair air a ghlòrachadh ann-sa Mhac. Ma dh’ iarras sibh ni air bith a’ m’ ainm-se, ni mise è. La N. BHARNABAS an t-Absdail. An Urnuigh. O Thighearna Dhe uile chumhachdaich, a thug do t-Abstol naomh Barnabas tiolacadh oir-dheirc an Spioraid naoimh; tha sinn a’ guidheadh ort, na fag falamh sinn do d’ thiolaca lionmhor, no fos do ghras gu feum a dheanamh dhiu do ghna chum t-onair agus do ghlóir fein, trìd Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 180] Air son na Litir. Gniomh xi. 22. AGus thainig sgeula air na nithibh sin gu cluasaibh na h eaglais a bha ann Ierusalem: agus chuir iad Barnabas uatha, chum gu ’n rachadh sè eadhon gu h Antioch. Neach ’n uair a thainig è, agus a chunnairc è grasa Dhe, a rinn gairdeachas, agus a dh’ earail orra uile, gu ’n dlù’-leanadh iad ris an Tighearna le rùn croidhe. Oir bha è ’n a dhuine maith, agus làn do ’n Spiorad naomh, agus do creidimh: Agus chuireadh sluagh mòr ris an Tighearna. Ann sin chuaidh Barnabas gu Tarsus, a dh’iarraidh Shauil. Agus air fhaghail da, thug sè leis è gu h Antioch. Agus tharladh, gu ’n raibh iad rè bliadhna iomlan air an cruinneachadh maille ris an eaglais, agus gur theagaisg iad sluagh mòr; agus gur ghoireadh Criosdaidhean do na deisciobluibh air tùs ann Antioch. Agus ann sna laithibh sin thainig faidhean o Hierusalem, gu h Antioch. Agus air seasamh suas do aon aca, d’ am b’ainm Agabus, dh’ fhoillsich sè tre an Spiorad, gu ’m biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile: ni mar an ceudna a thachair re linn Chlaudius Cheasair. Ann sinn chuir gach aon do na deisciobluibh roimhe, a reir a chomais, congnamh a chur chum nam braithre a bha chomhnuidh ann Judea. Ni mar a ceudna a rinn iad, agus chuir iad è chum nan seanoiridh tre laimh Bharnabhais agus Shauil. An Soisgeul. Ioin xv. 12. IS i so m’ aithne-se, gu ’n d’ thugadh sibhse gradh d’a chèile, mar a gradhaich mise sibh. Gradh is mò na so cha ’n ’eil aig neach air bith, gu ’n leagadh duine anam sios air son a chairde. Is sibhse mo chairde-se, ma ni sibh gach nithe a dh’ aithneam dhuibh. A so suas cha ghoir mi seirbhisich dhibh; oir cha ’n aithne do ’n t seirbhiseach ciod ata a Thighearna deanamh: ach ghoir mi cairde dhibh; oir na h uile nithe a chuala mi o m’ Athair, thug mi fios duibhse orra. Cha sibhse a thagh, mise ach ’s mise a thagh sibhse, agus dh’ órduich mi sibh, chum gu ’n rachadh sibh, agus gu ’n d’ thugadh sibh ’mach toradh, agus gu maireabh bhur toradh: chum’s ge b’è ni dh’ iarras sibh air an Athair ann m’ ainmse, gu ’n tabhair sè dhuibh è. [TD 181] La N. EOIN Baiste. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, is ann le d’ fhreasdal gu h-iongantach a bha do sheirbheiseach Eoin Baiste air a bhreith, agus air a chuir a dh’ ulluchadh slighe do Mhic ar slanui’fhear, le aithreachas a shearmonachadh; thoir oirne a theagasg agus a bheatha naomha a leanmhuin, chum gu ’n dean sinn fior aithreachas a reir a shearmonachadh-san, agus a reir eisimpleir-sin gu ’n labhair sinn an fhirin do ghna, gu ’n cronuich sinn dubhailc gu dana, agus gu ’m fuilaing sinn gu foighidneach air son na fìrinn, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen, Air son na Litir. Isa. xl. 1. THugaibh comh-fhurtachd, thugaibh comh-fhurtachd, do m’ phobull, a deir bhur Dia-sa. Labhruibh gu sólasach ri Jerusalem, agus glaodhaibh ria, gu bheil a cogadh air a chriochnachadh, gu bheil a h-aingeachd air a’ mathadh; oir ghabh i o laimh an Tighearna cuibhrin dhubailte air son a h-uile pheacaidh. Guth an ti a ghlaodhas ann san fhasach, ullaichibh slighe an Tighearna, deanuibh direach ann s’ an fhasach slighe mhor da’r Dia-ne. Bithibh gach gleann air an arduchadh, agus bithibh gach beinn agus gach cnoc air an deanamh iosal, agus bithibh na h-aitibh crom air an deanamh dìreach, agus na h-aitibh garbh air an deanamh comhnart. Agus bidh gloir an Tighearn air a foillseachadh, agus chi gach feoil le cheile ì; oir labhair beul an Tighearn è. A dubhairt an guth, glaodh. Agus a dubhairt eisin, Ciod a ghlaodhas mi? Tha gach uile fheoil nam fèur, agus ata a’ maise uile mar bhla na mach-thìr. Crionuidh am fèur, searguidh a bhla, do bhrì gu ’n sèid spiorad an Tighearna air: gu cinnteach is fèur am pobull. Crionuidh am fèur, searguidh a’ bhla, ach seasfuidh briathar ar Dia-ne gu siorruidh. O Sìoin, a bheir leat deagh nuaidheachd, imich suas gu bèin ard: O Jerusalem, a bheir sgeula maith leat; tog suas do guth le neart; tog suas è, na biodh eagal ort: abair ri caithrichibh Juda, Feuch bhur [TD 182] Dia. Feuch, thig an Tighearna Dia laimh thrèin, agus riaghluidh ghairdean air a shon; feuch ata a dhuais maille ris, agus ata a obair roimhe. Beathuichidh sè a thrèud mar bhuachaille, cruinichidh sè na h-uain le laimh, agus giulainidh sè ann na uchd iad, agus treoruichidh sè gu farasda a chuid am bheil uain. An Soisgeul. Luc. i, 57. ’NOise thainig lan inbhe Elisabet, gu ’m biodh ì air a h aisead; agus rug si mac. Agus chual’ a coimhearsnaich, agus a cairde mar a nochd an Tighearna mòr thròcair dh’i; agus rinn iad gàirdeachas maille ria. Agus tharladh air an ochdmha’ là, gu’n d’ thainig iad a thiomchioll ghearradh an naoidhein; agus ghoir iad Sacharias deth, do reir ainm’ athar. Agus fhreagair a mhàthair, agus a dubhairt si, Ni h eadh; ach goirthear Eoin deth. Agus a dubhairt iad ria, Ni’m bheil aon neach do d’ chairdibh d’am goirthear an t ainm so. Agus smèid iad r’a athair: creud an t ainm a b’ àill-leìs thoirt air. Agus air iarruidh clàir-sgriobhaidh dha-sa, sgriobh sé, ag radh, ’Se Eoin is ainm dha. Agus ghabh iad iongantas uile. Agus air ball dh’fhosgladh a bheul, agus dh’ fhuafgladh a theanga, agus labhair sè, a’ moladh Dhe. Agus thainig eagal air an coimhearsnachadh uile; agus dh’aithriseadh na nithe fin gu leir feadh dhuthaich àrda Iudea uile. Agus iadsan uile a chuala na nithe sin, thaisg iad ’n an croidhibh iad, ag radh, Creud a’ ghne leinibh a bhitheas ann so? agus bha làmh an Tighearna maille ris. Agus bha Sacharias athair air a lionadh leìs an Spiòrad naomh’ agus rinn è faidheadoireachd, ag radh, Gu ma beannuichte ’n Tìghearna Dia Israeil, air son ga’n d’fhiosraich sè agus gu’n d’ thug è saorsa d’a phobull, agus thog e suas dhuinne adhairc slainte, ann an tigh Dhaibhidh òglaoich fein; a reir mar a labhair se le beul fhaidhean naomha fein, a bha ann o thoiseach an t saoghail, a thabhairt saorsa dhuinn o ar naimhdibh, agus o laimh na muintir sin uile le ’m fuathach sinn. A choi’-lionadh na tròcair a gheall e d’ ar n aithreachaibh, agus a chuimhneachadh a’ choi’-cheangail naomha fein; am mion’ a mhionnaich se d’ ar n athair Abraham, Gu’n d’thugadh e dhuinn, air bhi dhuinn air ar saoradh o laimh ar naimhde, gu’n deanamaid seirbhis dha as eugmhais eagail, ann naomhachd agus ann am fireuntachd ’na lathair fein, uile laith’ ar beatha. Agus thusa; a leinibh, goirthear [TD 183] dhiot Fàidh an Ti is ro airde; oir theid thu roimh aghaidh an Tighearna, a dh’ ull’uchadh a shlighe; a thabhairt eòlas na slainte d’a phobull, tre mhaitheanas ’n am peacadh. Tre thròcair ro-mhòir ar De ne; leis an dfhiosraich an ùr mhaidin o’n ionad a’s àirde sinn, a thoirt soluis dhoibhs’ ata ’nan suidhe ann dorchadas, agus ann sgàil a’ bhàis, a threorachadh ar cos air slighe na sith. Agus dh’fhas an leanabh, agus neartaicheadh ann spiorad e, agus bha e san fhasach gu la fhoillseachaidh do Israel. La N. PHEADAIR. An Urnuigh. O Dhe uile chumhachdaich, a thug le d’ Mhac Josa Criosd iomad gibht oir-dheirc do t-Abstal naomh Peadar, agus a thug àithne dhurachdach dha do threud a bheathacha’; guidheamaid ort, thoir air gach Easbuig agus fear teagaisg t-fhocal naomh a shearmanachadh gu durachdach, agus thoir air a phobull am focal ceudna a leanachd gu h-umhla; chum gu ’m faigh s’ iad crun do ghlòir shiorruidh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. Air son na Litir. Gniomh. xii. 1. MU ’n am sin, shin Ioraith an righ a làmhan a dheanámh uilc air dream araidh do’n eaglais. Agus mharbh e Seumas bràthair Eoin leis a’ chloidheamh. Agus ’n uair a chunnairc se gur thaitin sin ris na h Iudhachaibh, chuaidh e air aghaidh a ghlacadh Pheadair fòs. (Agus b’iàd laith’ an arain gun laibhin a bh’ann). Agus ghlac e agus chuir se ’m priosun e, agus thug se e r’a ghleidheadh do cheithir cheathrar shaighd fheara, fa run a thoirt amach do’n phobull ann diaigh na caisge. Air an àdhbhar sin choimheadadh Peadar ann sa phriosun; ach bha bith-urnuìgh air a deanamh leis an eaglais re Dia air a shon. Agus ’n uair a b’aill le Ioraith a thoirt amach, san oidhche sin fein bha Peadar ’n a chodal eidir dias shaighd-fheara, ceangailte le da shlabhruidh; agus bha ’n luchd-faire roimh [TD 184] an dorus ag coimhead a’ phriosuin. Agus feuch, thainig aingeal an Tighearna air, agus dhealraich solus ann sa phriosun; agus air bualadh taoibh Pheadair dha, dhuisg se e, ag radh, Eirich gu grad. Agus thuit a cheanglaiche d’a làmhaibh. Agus a dubhairt an t aingeal ris, Criosraich thu fein, agus ceangail ort do bhonn-bhròga; agus rinn e mar sin. Agus a deir se ris, Tilg dò bhrat umad, agus lean mise. Agus chuaidh se ’mach agus lean se e, agus cha raibh fhios aige gu’n raibh e fior an ni a rinneadh leis an aingeal; ach shaoil se gu ’m bu taisbean a chunnaic e. Agus air dhoibh dol tre ’n cheud agus an dara faīre, thainig iad chum a’ gheata iaruin ata treorachadh do ’n bhaile, a dh’ fhosgail doibh leis fein; agus air dol amach dhoibh, chuaidh iad air an aghaidh tre aon sràid, agus air ball dh’ fhalbh an t aingeal uaithe. Agus ’n uair a thainig Peadar chuige fein, a dubhairt se, ’Noise ’ta fhios agam gu firinneach, gu’n do chuir an Tighearna aingeal uaithe, agus gu’n do shaor e mi o làimh Ioraith, agus o uile dhuil pobuill nan Iudhach. An Soisgeul. Mhat. xvi. 13. AIr teachd do Iosa gu chriochaibh Chesarea Philippi, dh’fheoraich se d’a dheisciobluidh, ag radh, co a deir daoine is mise, Mac an duine, ann? Agus a dubhairt iadsan, A deir cuid gur tu Eoin Baisde, cuid Elias, agus cuid eile Ieremias, no h aon do na faidhibh. A deir eisean riu, Ach co a deir sibhse is mi? Agus air freagairt do Shimon Peadar a dubhairt se, Is tusa Criosd, Mac an Dhe bheo. Agus fhreagair Iosa agus a dubhairt se ris, ’Sbeannuicht’ thus’, a Shimoin Bhar-Iona: oir cha d’fhoillsich fuil is feoil sin duitse, ach m’ Athairs’ ata air neamh. Agus a deirimse riut, Gur tusa Peadar, agus air a’ charraig so togaidh mise m’ eaglais; agus cha tabhair geataidh ifrinn buaidh uirre. Agus bheir mi dhuit eochraiche rioghachd neimh’: agus ge b’e ni a cheanglas tusa air talamh, bithidh se ceangailt’ air neamh; agus ge b’e ni a dh’fhuasglas tusa air talamh, bithidh se fuasgailt’ air neamh. [TD 185] La N. SEUMAS an t-Abstail. An Urnuigh. O Dhe thròcaireach, deonuich, mar a bha t-Absdail naomh Seumas, air dha tigh athar agus gach ni bh’ aige, fhaghil umhla gun mhoille air bith do ghairm do mhic Josa Criosd, agus mar a lean se e; mar sin, air dhninne gach ain-mian saoghalta agus feolmhar a threigeadh, gu’m bi sinn do ghna ullamh a chum t-aitheantan naomh a leantuinn, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. Air son na Litir. Gniomh. xi. 27. agus cuid do chaib. xii. ANn sna laithibh sin thainig faidhean o Hierusalem, gu h Antioch. Agus air seasamh suas do aon aca d’am b’ ainm Agabus, dh’fhoillsich se tre an Spiorad, gu ’m biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile; ni mar an ceudna a thachair re linn Chlaudius Cheasair. Ann sin chuir gach aon do na deisciobluidh roimhe, a reir a chomais, congnamh a chur chum nam bráithre a bha chomhnuidh ann Iudea. Ni mar an ceudna a rinn iad, agus chuir iad e chum nan seanoiridh tre làimh Bharnabais agus Shauil. ’Noise mu ’n am sin, shin Ioraith an righ a lamhan a dheanamh uilc air dream araidh do’n eaglais. Agus mharbh e Seumas brathair Eoin leis a’ chloidheamh, Agus ’n uair a chunnairc se gur thaitin sin ris na h Iudhachaibh, chuaidh e air aghaidh a ghlacadh Pheadair fòs. An Soisgeul. Mhat. xx. 20. ANn sin thainig d’a ionnsuidh màthair cloinne Shebedee, maille r’a mic, a’ tabhairt onoir dha, agus ag iarruidh ni araidh àir. Agus a dubhairt eisean ria, Creud a b’aill leat? a deir si ris, Abair gu ’n suidh iad so mo dhias mhac, fear aca air do laimh dheis, agus fear eile air do laimh chli, a’ d’ rioghachd. Ach air freagairt do Iosa, a dubhairt se, Ni ’m bheil fhios agaibh creud ata sibh ag iarruidh. Am bhuil sibh comasach air a chupan sin òl a dh’òlas mise, agus a bhi air bhur baisde’ leis a bhaisdeadh leis am baisdear mise? A deir siad [TD 186] ris, Ata sinn comasach. Agus a deir eisean riu, Oluidh sibh gu deimhin do’m chupan-sa, agus baisdear sibh leis a’ bhaìsdeadh leis am baisdear mise; ach suidh air mo laimh dheis, agus chli, ni ’n leamsa sin a thabhairt, ach bheirthear e do ’n dream d’ am bhuil se air ull’uchadh le m’ athair-se. Agus air cluinntin so do’n deichnear eile, bha diom aca ris an dias bhraithribh. Agus air an gairm do Iosa d’a ionnsuidh a dubhairt se, ata fhios agaibh gu bhuil aig prionnsaibh nan cinneach tighearnas orra, agus gu bhuil aig an daoinibh mora smachd orra. Ach ni mar sin a bhitheas e ’n ar measg-sa; ach ge b’e neach ler b’aill a bhi mor ’n ar measg, biodh e dhuibh ’n a fhear-frithealadh. Agus ge air bith ler b’aill toiseach a bhi aige ann bhur measg, biodh eisean ’n a shearbhant dhuibh. Amhail mar nach d’thainig Mac an duine chum gu’n deantadh frithealadh dha, ach a dheanamh frithealaidh, agus a thabhairt anma fein mar eiric air son mhorain. La N. BARTOLOMAI an t-Absdail. An Urnuigh. O Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, a thug gràs do t-Absdal Bartholomai chum t-fhocal a chreidsin gu firineach agus a shearmonacha’ ,tha sin a’ guidhe ort, deonuich do t-Eaglais am focal a chreid eisin a ghradhachadh, agus mar aon a shearmonachadh agus gabhail ris, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. Air son na Litir. Gniomh. v. 12. RInneadh moran chomhartha agus mhiorbhuile ann am measg a’ phobuill le lamhaibh nan abstol; (agus bha iad uil’ a dh’ aon inntin ann an áilear Sholaimh. Agus cha raibh chroidh’ aig a h aon do chach e fein a cheangal riu; ach bha mor-mheas aig a’ phobull orra. Agus is moid a chuireadh creidmhich ris an Tighearna, buidheann mhor araon do dhaoinibh agus do mhnaibh.) Ionnas gu’n d’ thug iad amach a’ mhuintir ea-slan air na sraidibh, agus gu’n do chuir iad air leabaichibh agus air uirighibh iad, chum ag teachd do Pheadar [TD 187] gu’n cuireadh fhaileas, mar bu lugha, sgail’ air neach eigin aca. Agus thainig fos mor-shluagh as na bailtibh m’an cuairt air Hierusalem, a toirt leo muintir ea-slan, agus dream a bha air am buaireadh le spioradaibh neo-ghlan; agus leighiseadh iad uile. An Soisgeul. Luc. xxii. 24. AGus bha fos comhstribh eatorra, co aca bo mho a bhiodh. Ach a dubhairt eisean riu, Ata aig righribh nan Geintileach tighearnas orra; agus goir’ear daoine fial dhiubhsan, aig am bheil ughdarras orra. Ach na bithibhse mar sin: ach an neach a’s mo ’nar measg, biodh e mar an neach a’s oige; agus an ti a’s àirde, mar eisean ata re frithealadh. Oir co aca ’s mo, ’n ti a shuidheas air bord, no eisean a ni frithealadh? nach e ’n ti a shuidheas? ach ata mise ’nar measg sa mar fhear-frithealaidh. Is sibhse iadsan a dh’ fhan maille riumsa ann mo bhuairibh. Agus ata mise ’g orduchadh dhuibh rioghachd, mar a dh’ orduich m’ Athair dhamh-sa; chum’s gu’n ith agus gu’n ol sibh air mo bhord-sa ann mo rioghachd, agus gu ’n suidh sibh air caithrichibh rioghail, a’ toirt breith air dá-threibh dheug Israeil. La N. MATHA an t-Absdail. An Urnuigh. O DHE uile chumhachdaich, a rinn le d’ Mhac beannuichte, Matha a ghairm o bhord na cìosa, gu bhi na Abstal agus na Shoisgeulaich; tabhair dhuinn grâs a chum gach togradh sanntach, agus gradh ain-cneast air saibhreas a threigeadh, agus do Mhac Josa Criosd a leanmhuin, ata beo agus a riaghladh maille riutsa, agus ris an Spiorad Naomh, aon Dia saoghal gun chrich. Amen. An Litir. 2 Cor. iv. 1. UIme sin air do’n mhinistreileachd so bhi againn, do reir mar a fhuair sinn trocair, cha ’n ’eil sinn a’ fannachadh: Ach chuir sinn cul re nithibh folaichte na h eas-onoir [TD 188] gun sinn bhi a’ siubhal ann ceilg, no a’ truailleadh focal De, ach le foillsicheadh na firinn, ’g ar moladh fein do choguis nan uile dhaoine ann sealladh Dhe. Ach ma ’ta ar soisgeul-ne folaichte, is ann doibhsin ’ta caillte ata se folaichte; Ann san do dhall dia an t saoghail so inntin na droinge nach ’eil a’ creidsin, d’ eagal gu ’n dealraicheadh orra solus soisgeil ghlormhoir Chriosd, neach a’s è iomhaigh Dhe. Oir cha ’n eil sinne ’gar searmonachadh fein, ach JosaCriosd an Tighearna; agus sinn fein ’nar seirbhisich dhuibhse air son Iosa. Oir is e Dia a dubhairt ris an t solus soillseachadh a dorchadas, a dhealraibh ann ar croidhibh-ne, thoirt solus eolais gloire Dhe, ann gnuis Iosa Criosd. An Soisgeul. Mat. ix. 9. AGus ag dol do Iosa as an àite fin, chunnairc se duine ’n a shuidhe aig bord na cise, d’am b’ainm Matha; agus a dubhairt se ris, Lean mise. Agus air eirigh dha, lean se è. Agus tharladh, air suidhe do Iosa aig biadh san tigh, feuch, thainig moran phubliocanach agus pheacach, agus shuidh iad sios maille ris-sin agus r’a dheisciobluibh. Agus an uair a chunnairc na Phairisich sin a dubhairt siad r’a dheisciobluibh, Creud fa’n itheann bhur maighisdir-se maille re publiocanaibh agus peacaichibh? Ach an uair a chual’ Iosa so, a dubhairt se riu, Ni h ann aig a’ mhuintir ata slàn ata feum air an leigh, ach aig a’ muintir ata easlan. Ach im’ichibh agus foghlomaibh creud is ciall da so, Trocair is aill leam agus cha ’n iodhbhairt: oir ni ’n d’thainig mise a ghairm nam fireanach, ach nam peacach chum aithreachais. La N. MICHAEL agus na h-Aingil uile. An Urnuigh. O Dhe shiorruidh, a dh’ orduich agus a chuir air chois seirbheis Aingeal agus dhaoine air mhodh iongantach; deonuich gu trocaireach, mar ata t-Aingil naomh do ghna a’ deanamh seirbheis dhuit air neamh; mar sin le t-orducha’ gu ’n dean iad comhnadh agus dion dhuinne air talamh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 189] Air son na Litir. Taisb. xii. 7. BHa cogadh air neamh: rinn Michael agus aingil cogadh ann aghaidh an dragoin, agus chog an dragon agus aingil fein; agus nior thug siad buaidh, ni mo a fhuaradh an àite sin ni ’s mo air neamh. Agus thilgeadh amach an dragon mòr, an t sean naithir sin, d’an goir’ear an diabhol agus Satan, a’ta mealladh an t saoghail uile; thilgeadh amach è chum na talmhain, agus thilgeadh amach aingil maille ris. Agus chuala mi guth mòr ag radh air neamh, ’Noise ’ta slainte agus neart, agus rioghachd ar De-ne, agus cumhachd a Chriosd air teachd; oir thilgeadh sios fear-casaid ar bràithre, a bha ’gan casaid ann lathair ar De-ne a là agus a dh’ oidhche. Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhocal am fia’nais-sin; agus cha do ghràdhaich iad an anama fein gu bàs. Uime sin biodh gáirdeachas oirbh, O a neamha, agus oirbhs’ a ’ta ’n ar comhnuidh annta. An-aoibhinn do luchd-àiteachaibh na talmhain, agus na fairge; oir thainig an diabhol a nuas d’ ar ionnsuidh, agus fearg ro-mhor air, do bhri’ gur fiosrach è nach ’eil aige ach uine ghaoraid. An Soisgeul. Mhat. xviii. 1. ANn san am sin fein, thainig na deisciobuil chum Iosa, ag radh, Co a’s mo ann an rioghachd Neimh? Agus air do Iosa leanabh beag a ghairm chuige, chuir se ’n am meadhon è, Agus a dubhairt sé, Gu fìrinneach a deirim ribh, Mur iompoichear sibh, agus mur bi sibh mar leanbana, nach d’theid sibh a steach do rioghachd Neimh’. Air an adhbhar sin ge b’è dh’ìslicheas è fein mar an leanban so, ’s è sin fein a’s mo ann an rioghachd Neimhe. Agus ge b’è ghabhas aon leanban d’a leithid so ann am ainmse, gabhuidh se mise. Ach ge b’e neach a bheir oilbheum dh’aon neach do’n mhuintir bhig so ata creidsin annam-sa, b’fhearr dha gu ’m biodh cloch mhuilìnn air a crochadh r’a mhuineal, agus gu ’m biodh è air a bhàthadh ann an doimhne na fairge. Is an-aoibhinn do ’n saoghail air son oilbheimean; oir is eigin do oilbheimibh teachd: ach is an aoibhinn do’n duine sin tre ’n d’thig an t oilbheum. Uime sin ma bheir do làmh no do chos àdhbhar oilbheim dhuit, gearr dhiot iad, agus tilg uait iad: is fearr dhuit dol a steach do’n bheatha air leth chois no air leth làimh, no dà làimh no dà chois a bhi agad, is tu bhi air do thilgeadh [TD 190] ann san teine shiorruidh. Agus ma bheir do shùil àdbhar oilbheim dhuit, spion asad i, agus tilg uait i; is fearr dhuit dol a steach chum na beatha air leth shùil, na dà shùil a bhi agad agus thu bhi air do thilgeadh ann an teine ifrinn. Thugaibh an aire nach dean sibh tarcuis air aon neach do’n mhuintir bhig so; oir a deirimse ribh, gu bhuil an Aingil-sin air neamh a’ faicsin a ghnàth gnuis m’ Atharsa, ata air neamh. La N. LUCAS an Soisgeuluich. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich, a ghairm Lucas an Leigh, air a bheil cliu ann s an t-Soisgeul, gu bhi na Shoisgeulaich, agus na leigh do’n anam; Gu ma toil leat, uil’ easlaintean ’ar n’ anamanna’ a leigheas, le iochd-shlaintibh fallain an teagaisg do thug è seachad, trid tòilltineas do Mhic Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. 2 Tim. iv. 5. ACh dean thusa faire ann sna h uile nithibh, fùiling ctuaidh-chas, dean obair soisgeulaich’, thoir lan-dearbhadh air do mhinistreileachd. Oir ataimse ’noise air ti bhi air m iobradh, agus ata am mo shiubhail am fogus. Chog mi an deadh chogadh, chriochnaich mi mo chursa; ghleidh mi an creidimh. O so amach taisgear fa m’ chomhairse crùn fireantachd, a bheir an Tighearna, am breitheamh co’thromach, dhamh-sa san la’ ud: agus ni dhamh-sa amhain, ach dhoibhsin uile mar an ceudna leis an ionmhuinn a theachd-san. Dean do dhìchioll air teachd a m’ ionnsuidh gu grad. Oir threig Demas mi, air dha an saoghal so ’ta làthair a ghràdhachadh, agus chuaidh è gu Tessalonica; chuaidh Crescens do’n Ghalatia, Titus do Dhalmatia. ’Ta Lucas ’n a aonar maille rium. Gabh Marcus agus thoir leat è; oir ata sè tarbhach dhamh-sa chum na ministreileachd. Agus chuir mi Tichicus gu h Ephesus. An fhalluing a dh’ fhag mi ann Troas aig Carpus, ’n uair a thig thu, thoir leat, agus na leabhraiche, ach gu h araid na meambrana. Rinn Alecsander an copar-cheard mor olc dhamh-sa; gu tugadh an [TD 191] Tighearna dha reir a ghniomhartha. Bi thusa mar an ceudna air t fhaicill uaithe, oir chuir è gu mor ann aghaidh ar braithra-ne. An Soisgeul. Luc. x. 1. DH’ orduich an Tighearna mar an ceudna deichnear agus tri fichead eile, agus chuir è lion dias is dias roimh ghnuis iad, do gach baile, agus aite, ann san raibh è fein gu teachd. Air an adhbhar sin a dubhairt è riu, ’Ta ’m fogh’ar gu firinneach mor, ach ata an luchd oibre tearc: guidhibhse uime sin ar Tighearna an fhoghaire, luchd oibre chur amach chum fhogh’aire fein. Im’ichibh; fèuch, ata mise ’g ar cur amach mar uain a’ measg mhadradh alluidh. Na iomchairibh sporan, no mala, no broga: agus na beannuichibh do neach air bith san t slighe. Agus ge b’e tigh ann san d’theid sibh a steach, abraibh air tus, Gu’n raibh fith do’n tigh so. Agus ma bhios mac na sith ann sin, gabhaidh bhur sith-se comhnuidh air; ach mur bi, pillidh bhur sith chugaidh fein a-ris. Agus fanaibh ann san tigh sin, ag itheadh agus ag ol na nithe a bheir’ear dhuibh; oir is fiu an t oibriche a thuarasdal. La N. SIMON agus JUD na h-Absdala. An Urnuigh. O DHE uile chumhachdaich, a thog t-Eaglais air steigh nam Faidhean, agus nan Absdalan, air bhi do Josa Criosd e fein na chloich chinn na h-oisin; deonuich dhuinne bhi ceangailte ri cheile mar sinn ann aonachd spioraid, le ’n teagasg-san, chum gu ’m bi sinn air ar deanamh ’n ar teampull naomh taitneach dhuit-se, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Jud. 1. IUdas searbhant Iosa Criosd, agus brathair Sheumais, chum na droing’ a ’ta air an naomhachadh le Dia an t Athair, agus air an coimhead le Iosa Criosd, agus a ’ta air an gairm; Gu raibh trocair, agus siothchaint, agus gradh air am meuda- [TD 192] chadh dhuìbhse. A mhuintir ionmhuinn, air dhamh an uile dhichioll a dheanamh chum sgriobhadh d’ ar n ionnsuidh mu thimchioll na slainte choitchionn; b’ fheumail damh sgriobhadh d’ar n ionnsuidh, ’g ar n earalach’ sibh a chathachadh gu dìchiollaich air son a’ chreidimh a thugadh aon uair do na naoimh. Oir dh’ eulaigh daoine araidh a steach, a dh’orduicheadh roimhe o shean chum na dite’ so, daoine mi-dhiadhaidh, a’ta tionndadh gras ar De-ne gu macnus, agus a’ta ’gaichsheun’ Dhe, a’s aon uachdaran ann, agus ar Tighearna Iosa Criosd. Uime sin is àill leam bhur cur ann cuimhne, ge do bha fhios agaibh aon uair air so, cionnas taires do ’n Tighearna am pobull a shaoradh a talamh na h Eipht, a sgrios è ann diaigh sin an droing nach do chreid. Agus na h aingil nach do ghleidh an ceud inbhe, ach a dh’ fhàg an aite-comhnuidh fein, choimhid sè ann geimhlibh siorruidh fuidh dhorchadas, fa chomhar breitheanais an la mhòir. Amhuil ata Sodom agus Gomorrha, agus na bailte mu ’n cuairt orra, a thug iad fein thairis do strìopachas air a’ mhodh cheudna, agus a bha leantuin feola coimheach, air an cur suas ’n am ball-sampuill, a’ fulang dioghaltais teine shiorruidh. Mar an ceudna fòs ata an luchd-bruadair neo-ghlan sin a’ salchadh na feóla, a’ deanamh tair’ air uach-dranachd, agus a’ labhairt gu toibheumach air ard inbhibh. An Soisgeul. Ioin. xv. 17. ’TA mi ’g àithne nan nithe so dhuibh, chums gu ’n gràdhaich sibh a chèile. Ma ’ta ’n saoghal ’g ar fuathachadh, tha fhios agaibh gu ’n d’ fhuathaich è mise romhaibh. Nam b’ ann do ’n t saoghal sibh, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fein: ach do bhri’ nach ann do ’n t saoghal sibh, ach gur thagh mise sibh as an t saoghal, uime sin tha fuath aig an t saoghal duibh. Cuimhnichibh am focal a dubhairt mi ribh, Cha ’n ’eil an seirbhiseach ni ’s mò na a Thighearna. Ma rinn iad geur-leanmhuin ormsa, ni iad geur-leanmhuin oirbhse mar an ceudna: ma choimhid iad m’ fhocal-sa, coimheadaidh iad bhur focal-sa mar an ceudna. Ach na nithe so uile ni iad ribh air son m’ ainm-se, do bhri’ nach aithne dhoibh eisean a chuir uaithe mi. Mur bithinn-se air teachd, agus air labhairt riu, cha bhiodh peacadh aca: ach a noise cha ’n ’eil leith-sgeul am peacaidh aca. An ti aig am bheil fuath dhamh-sa, tha fuath aige do m’ Athair mar an ceudna. Mur bithinn-se air deanamh [TD 193] nan oibridh ’n am measg nach d’ rinn aon neach eile, cha bhiodh peacadh aca: ach a noise chunnaic iad fòs agus dh’ fhuathaich iad araon mise agus m’ Athair. Ach rinneadh so chum gu ’n coi’-lionfadh am focal a ’ta sgriobhta ’n an lagh fein, Dh’ fhuathaich iad mi gun àdhbhar. Ach ’n uair a thig an Comh-fhurtoir, a chuireas mise d ’ar ionnsuidh o ’n Athair, Spiorad na fìrinn, a tha teachd amach o ’n Athair, ni eisean fia’nais mu m’ thimchioll sa. Agus ni sibhse fia’nais mar an ceudna, do bhri’ gu bheil sibh maille rium o thùs. La nan uile Naomh. An Urnuigh. O Dhe uile chumhachduich, a cheangail ri a cheile do dhaoine taghta ann aon cho-chomunn agus ann aon chompanas, ann an corp ru ’n diamhaireach do Mhic ar Tighearna; tabhair dhuinn grás a leanachd do naoimh bheannuichte ann gach caith-beatha subhailceach agus diaghaidh, chum gu ’n d’ thig sinn a dh’ ionsuidh an aoibhneis do-labhairt sin, a dheasuich thu do ’n dream a bheir gràdh treibh-dhìreach dhuit, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. Air son na Litir. Taisb. vii. 2. AGus chunnairc mi aingeal eile ag eirigh o ’n àird an ear, agus ghlaodh è le guth mòr ris na ceithir aingil, d’an d’ thugadh cumhachd gu cron a dheanamh air an talamh agus air an fhairge, ag radh, Na deanaibh dochoir do ’n talamh, no do ’n fhairge, no do na craobhaibh, gus an cuir sinn seula air seirbhisich ar De-ne air clàr an eudain. Agus chuala mi àireamh na droinge a sheulaicheadh: agus sheulaicheadh ceud agus dà fhichead agus ceithir mìle, do uile threibhibh chloinn Israel. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Juda. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Reuben. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Ghad. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Aser. [TD 194] Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Nepthalim. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Mhanasses. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Shimeon. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Lebhi. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Isachair. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Shabuloin. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Joseph. Sheulaicheadh da-mhìle-dheug do threibh Benjamin. Ann diagh so dh’ amhairc mi, agus fèuch, sluagh mòr, nach raibh neach sam bith comasach air àireamh, do gach uile chinneach, agus threibhibh, agus phoibleachaibh, agus theangaibh, ’n an seasamh ann làthair na righ-chaithreach, agus ann làthair an Uain, air an sgeadachadh le róbaibh geala, agus pailm aca ’n an làmhaibh; agus ghlaodh iad le guth àrd, ag radh, Slàinte d ’ar Dia-ne a ’ta ’n a shuidhe air an righ-chaithir, agus do ’n Uan. Agus sheas na h aingil uile timchioll na righ-chaithreach, agus rinn iad àdhradh do Dhia, ag radh, Amen: Moladh, agus gloir agus gliocas, agus buidheachas, agus onair, agus cumhachd, agus neart gu raibh d’ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal. Amen. An Soisgeul. Mhat. v. 1. AGus an uair do chunnairc Josa an sluagh, chuaidh è suas air sliabh: agus air suidh’ dhò, thainig a dheisciobuil d ’a ionnsuidh. Agus air fosgladh a bhèil da, theagaisg sè iad, ag radh, Is beannuicht’ iads’ ata bochd ’n an spiorad: oir is leo rioghachd nèimh’. Is beannuicht’ iads’ ata re bròn: oir gheibh siad sòlas. Is beannuichte na daoine macant’: oir sealbhuichidh iad an talamh mar dhligh’ oighreachd. Is beannuicht’ an dream air am bhuil ocras agus tart na còrach: oir sásuichear iad. Is beannuicht’ na daoine tròcaireach: oir gheibh siad tròcair. Is beannuicht’ na daoine ’ta glan ’n an croidhe: oir chi siad Dia. Is beannuichte luchd dheanamh na siothchaint; oir goirthear clann De dhiubh. Is beannuicht’ an dream ata fulang geur-leanmhuin air son na còrach: oir is leo-sa rioghachd nèimh’. Is beannuicht’ a bhitheas sibh an uair a bheir daoine an-caint dhuibh, agus a ni siad geur-leanmhuine oirbh, agus a labhras iad gach uile dhroch fhocal ribh gu breugach air mo sgàthsa. Ann sin deanuibh gàirdeachas, agus bithibh ro-shubhach: oir is mar sin do rinn siad geur-leanmhuin air na fáidh ibh thainig romhaibh. [TD 195] An t-ORDUGH chum frithealadh SUIPEIR an TIGHEARNA, no an COMANACH Naomh. A’ Mheud a ’s leis a’ miann an comanach naomh do ghabhail, bheir iad a ’n ainm do ’n Mhinisteir, air a chuid a ’s lugha uairigin air an la roimhe. ¶ Agus ma bhios droch caithe beatha soilleir follasach aig neach dhiubh sin, ro ma rinn e ea-coir air bith air a choimhearsnach am briathar no an gniomh, leis an tug se oilbheum do ’n chomh-thional; air faghail fios do ’n Mhinisteir, gairmidh se air, agus bheir e fios da, nach gabh se dhanadas air chor air bith teachd gu bord an Tighearna, gus an d’ thoir e dearbha follasach gu ’n d’ rinn se fior aithreachas, agus gu ’n do leasuich e o’n droch caithe beatha bh’ aige roimhe, chum le so gu ’m bi an co-thional toilichte, a fhuair sgainneal roimhe; agus gu ’n d’ thug e dioladh do ’n dream air an d’ rinn se ea-coir, no air a chuid a ’s lugh gu bheil lan run aige sin a dheanamh, co luath ’s a dh’fheudas e gu gaoireasach. ¶ Gnathuichidh a’ Ministeir an doigh cheudna ris an dream sin ga bheil fios aige fuath no mi-ruin do bhi eatora; gun chomas thoirt dhoibh teachd gu bord an Tighearna, gus am bheil fios aige gu ’n d’ rinn iad reite. Agus ma bhios aon do ’n dream eidir am bheil an reite, toileach o ghrunnd a chridhe air gach coirre a rinn a’ neach eile ’n a aghaidh a mhatha, agus gu dioladh a dheanamh air son a choirre fein; agus nach gabh a’ neach eile toirt gu reite dhiaghuidh, ach gu ’m buanuich e do ghna ’n a chrostachd agus ’n a mhi-ruin: an sa chuis sin is coir do ’n Mhinisteir a neach do rinn aithreachas a ghabhail a dh’ ionsuidh chomanuich naomh, agus ni h-e a’ neach ata rag-mhuinealach. Ach gu ’m bi e dh’ fhiachaibh air gach Mhinisteir a chumas aon neach air ais, mar ata air a chur sios ann so, no an san earruin a ’s faigse roimhe do ’n rubric so, cunntas thoirt do ’n uachdarain eaglais an taobh stigh do cheathir la deug air a chuid a ’s faide. Agus smachduichidh an t-uachdaran eaglais an duine eas-umhla a reir lagh na h-eaglais. ¶ Air bhi do ’n bhord ann am a chomanuich air a cho’dachadh le lian-eudach fior geal, seasuidh e ann am mheadhon na h-eaglais, na sa chansal, far am bheil na urnuigh mhaidne agus fheascair air an orducha’ re radh. Agus air seasamh do ’n t Saghart air taobh tuath a bhuird, a deir se urnuigh an Tighearna, agus an urnuigh a leanas, air bhi do ’n phobul air an gluinibh. [TD 196] AR n-Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith duinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. An Urnuigh. O Dhe uile chumhachdaich, d’a m’ bheil gach cridhe fosgailte, gach togradh aithnichte, agus ’o nach ’eil uaigneas air bith folaichte; glan smuainte ar cridheachan le deachda do Spioraid naoimh, chum gu ’n tugamaid gradh foirfe dhuit, agus gu ’n cliudhaicheamaid t-ainm naomh mar is còir, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Air do ’n t-Sagart tiontadh ris a phobul a deir se na deigh aitheantan gu soilleir; agus air bhi do ’n phobul daonan air an gluinibh, aig deireadh gach aithne, iarruidh iad trocair air Dia air son a briseadh leo san am a chuaidh seachad, agus gras a chum a coimhid san am re teachd, mar a leanas. Ministeir. LAbhair Dia na briathra so, agus a dubhairt sè, Is mise an Tighearna do Dhia: Cha bhi Dèe air bith eil’ agad ach mise. Pobul. A Thighearna dean tròcair oirn, agus aom ar cridheachan a chum an lagh so do choimhid. Ministeir. Na dean dhiut fèin dealbh snaidhte, no coslas ’sam bith a dh’aon ni, a ta ’sna neamhaibh shuas, no air an talamh shìos, no ’sna h-uisgeachaibh fuidh ’n talamh. No crom thu fèin sìos doibh, agus na dein seirbhis doibh: oir mis’ an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantuinn aingidheach nan aithreacha air a’ chloinn, gus an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi; agus a’ nochdadh trócair do mhìltibh dhiubhsan a ghràdaicheas mi, agus a choimhideas m’àitheanta. Pobul. A Thighearna dean tròcair oirn, agus aom ar cridheachan a chum an lagh so do choimhid. [TD 197] Ministeir. Na tabhair ainm an Tighearna do Dhè ’an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neo chiontach esan a bhear ainm ’an dìomhanas. Pobul. A Thighearna dean tròcair oirn, agus aom ar cridheachan a chum an lagh so do choimhid Ministeir. Cuimhnich la na sabaid a naomhachadh. Se laithean saothraichidh tu, agus ni thu t’obair uile. Ach air an t-seachdamh la tha sabaid an Tighearna do Dhè: air an la sin na dean obair ’sam bith, thu fein, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no do bhan-oglach no d’ainmhidh, no do choigreach a ta ’n taobh a stigh do d’ gheataibh: oir ann an sè laithibh rinn an Tighearna na nèamhan agus an talmamh, an fhairge, agus gach ni a ta annta; agus gabh è fois air an t-seachdamh la: air an aobhar sin bheannaich an Tighearna, an seachdamh la, agus naomaich sè é. Pobul. A Thighearna dean tròcair oirn, agus aom ar cridheachan a chum an lagh so do choimhid. Ministeir. Tabhair onoir do t’athair, agus do d’ mhathair; a chum as gu ’m bi do laithean buan air an fhearann a tha ’n Tighearna do Dhia a’ toirt dhuit. Pobul. A Thighearna dean trócair oirn, agus aom ar cridheachan a chum an lagh so do choimhid. Ministeir. Na dean mortadh. Pobul. A Thighearna dean tròcair oirn, agus aom ar cridheachan a chum an lagh so do choimhid. Ministeir. Na dean adhaltrannas. Pobul. A Thighearna dean tròcair oirn, agus aom ar cridheachan a chum an lagh so do choimhid. Ministeir. Na dean gaduigheachd. Pobul. A Thighearna dean tròcair oirn, agus aom ar cridheachan a chum an lagh so do choimhid. Ministeir. Na tabhair fianuis bhrèige ’n aghaidh do choimhearsnaich. Pobul. A Thighearna dean tròcair oirn, agus aom ar cridheachan a chum an lagh so do choimhid. Ministeir. Na sanntaich tigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no òglach, no bhan-oglach, no dhamh, no asal, no aon ni a ’s le do choimhearsnach. Pobul. A Thighearna tha sinn guidhe ort, dean tròcair oirn, agus sgriobh an lagh so uile ann ar cridheachan. [TD 198] ¶ An sin leanuidh aon do ’n da urnuigh so air son an Righ, air do ’n t-Sagart bhi na sheasamh mar bha e roimhe, agus ag radh, Deanamaid Uruuigh. A Dhe uile chumhachduich, aig am bheil do rioghachd bith-bhuan, agus do chumhachd gun tomhas; dean tròcair air an eaglais gu h-iomlan, agus riaghluich cridhe do sheirbheisich thaghta Deorsa ar Righ agus ar fear riaghluidh, chum, (air dha-san a thuigsin co d’ an seirbheisich è) gu ’n iarr è t-onair agus do glòir oscion gach uile nithe; agus gu ’n d’thoir sinne agus uile iochdarain (a’ smuainteachadh gu cubhaidh co uaithe ata ughdaras aige) seirbheis, urram, agus geil umhla dha gu fìrineach, annad-sa, agus air do shon-sa, a reir t-ordugh agus t-fhocail bheannuichte, trid Josa Criosd ar Tighearna, ata beo agus aig riaghladh gu brath maille riut-sa, agus ris an Spiorad naomh, aon Dia saoghal gun chrich. Amen. ¶ No, A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, tha t-fhocal naomh a’ teagasg dhuinn, gu bheil cridheachan righrin so d’ stiurradh agus fo d’ riaghladh, agus gu bheil thu ’g an orduchadh agus ’g an iompochadh mar is fearr a chithear do d’ gliocas diaghaidh fein; guidhimid gu h-umhla ort gu ’n stiuradh agus gu ’n riaghladh tu croidhe Dheorsa do sheirbheiseach, ar Righ agus ar n uachdaran, chum ’na uile smuaintibh, briathraibh, agus gniomharaibh, gu ’m bi è do ghna aig iarruidh t-onair agus do glòir, agus gu’ bi è durachdach a chum am pobul a chuir thu fo chùram a ghleidheadh, ann sai’bhreas sioth-chaint, agus an diaghachd. Deonuich so, O Athair thròcaìrich, air sgà do Mhic ghradhuich Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin a deirear urnuigh an la. Agus air ball an deigh na h-urnuigh, leabhuidh an sagairt an litir, ag radh. Ata ’n litir [no chuibhrin do ’n sgriobtuir a dh’ orduicheadh air son na litir] sgriobhte an sa —— chaibdeal do —— a’ toiseach aig an —— rann. Agus nuair chriochnuicheas an litir, a deir se, [TD 199] ’sè so deireadh na Litir. An sin leahhuidh sè an soisgeil (air bhi do’n t-sluagh uile nan seasamh) aig radh, Tha ’n soisgeul naomh sgriobhte ann sa —— chaibdeil do —— a toiseach aig —— rann. Agus air criochnachadh an t-soisgeul, a deirear no seinnir a chrèud a leanas air bhi do ’n phobul nan seasamh, mar bha iad roimhe. CReidim ann Dia an tAthair uile chumhachdach, Cruithfhear neimh agus talmhain, agus nan uile nithe faicsionach agus neo-fhaicsionach: Agus ann aon Tighearna Josa Criosd, aon Mhac geinte Dhe, do ghineadh le Athair roimh’ na h-uile shaoghail, Dia do Dhia, Solus do Sholus, Dhia fior do Dhia fior, Geinte cha n ann deanta, Air bhi dha do dh’ aon substaint ris an Athair, leis an d’ rinneadh na h uile nithe: neach a thainig a nuas o neamh air ar soin-ne daoine agus air son ar slainte, agus do ghabh coluin leis ann Spiorad Naomh do ’n Oigh Muirre, agus do rinneadh na dhuine, agus mar an ceudna chèusadh air ar soin-ne fo Phonsius Pilat. Dh’ fhuiling sè agus dh’ adhlaiceadh è, agus an treas la dh-èirich sè rithist do reir nan sgriobtuireadh, agus chaidh è suas air neamh, agus ata sè na shuidhe air deas-lamh an Athar. Agus thig sè aris le glóir a thoirt breath araon air na beodhaibh agus air na mairbh: agus cha bhi crioch air a rioghachd. Agus Creidim ann san Spiorad Naomh, an Tighearna agus fear-tabhairt beatha, ata teachd o ’n Athair agus o ’n Mhac, do am bheil adhradh agus gloir air an tabhairt maille ris an Athair agus ris a Mhac, a labhair leis na fhàidhibh. Agus creidim aon eaglais choitchionn agus abstolach. Aidichim aon baiste chum maitheanas peacaidh, agus tha sùil agam ri eis-eirigh na marbh, agus ri beatha an t-saoghail ata re teachd. Amen. ¶ An sin insidh a’ Ministeir do ’n pobul ciod na laeth naomh no na laeth traisg ata ri choimhid s an t-seachdainn a leanas. Agus ann sin mar an ceudna (ma ’ta aodhbhar ann) bheirear fios mu ’n Chomanach; agus bheirear na gairmana posaidh; agus leubhbhar gearan nam bochd, fia’nuisin, ascaoin-eaglais. Agus cha bhi ni air bith air a ghlaodhuich no air a dheanamh follasach s an eaglais, ann am na seirbheis dhiaghaidh, ach leis a Mhinisteir: no aon ni leisin, ach na ’ta air chuir seas ann righailtibh an leabhair so, no air aithne leis an Righ, no le uchdaran eaglais an aite. ¶ An sin leanaidh an t-searmoin no aon do na hoimilidh a chuireadh amach a cheana, no chuirear amach an deigh so le h ughdaras. [TD 200] ¶ An sin pillidh an Sagart gu bord an Tighearna, agus toisichidh se an ofrail, aig radh aon no t-uille do na h-earruinibh so leanas, mar a chi e iomchuidh. GU ma h ann mar sin a dheal ruicheas bhur solus ann làthair dhaoine, chum as gu faic iad bhur deadh oibridh, agus gu toir siad glóir do bhur n Athair ata air Neamh. Mhat. v. 16. Na taisgibh dhuibh fein ionmhais air an talamh, far an truall a’ mhiol chrion agus a’ mheirg è, agus far an cladhaich na meirlich a stigh agus an goid iad. Ach taisgibh ionmhais dhuibh fein air neamh, far nach truaill a’ mheirg, agus nach cladhaich, agus nach goid na meirlich. Mhat. vi. 19, 20. Uime sin gach uile ni bu mhiann libh daoine a deanamh dhuibh, deanaibse a leithid dhiobhsin mar an ceudna: oir is è so an lagh agus na faidhe. Mhat. vii. 12. Ni h è gach uile neach a deir riumsa A Thighearna, a Thighearna, a theid a steach do rioghachd nèimh’: ach an ti do ni toil m’ Atharsa ata air neamh. Mhat. v. 21. Agus sheas Saccheus agus a dubhairt sè ris an Tighearna, Fèuch, a Thighearna, ’ta mi toirt leith mo mhaoin do na bochdaibh: agus ma thug mi aon ni o neach air bith le casaid bhrèige, bheiream dha a cheithir uiread. Luc. xix. 8. Co theid chum cogaidh uair air bith air a chostus fein? co a phlanndaicheas fion-ghàra’, agus nach ith d’a thora’? no co bheathaicheas treud, agus nach blais do bhainne an treud? 1 Cor. ix. 7. Ma chuir sinne nithe spioradail dhuibhse, an ni mór è ma bhuaineas sinn bhur nithe feòlmhor? 13, 14. Nach ’eil fhios agaibh gu bheil iadsan, a ’ta saoithreachadh mu thimchioll nithe naomha, air am beathachadh le nithibh an teampuill? agus iadsan a ’ta frithealadh do ’n altair, gu bheil iad nan luchd co’ pairt ris an altair? Agus mar sin dh’ orduich an Tighearna fos dhoibhsin a ’ta searmonachadh an t soisgeul, an teachd-ann-tir fhaghail o ’n t soisgeul. 13, 14. An ti a chuireas gu gann, buainidh sè gu gann mar an ceudna: Agus an ti a chuireas gu pailt’, buainidh sè gu pailt’ mar an ceudna. Thugadh gach duine uaithe reir rùin a chroidhe; na b’ann an doilgheas, no le h eigin: oir is toigh le Dia an neach a bheir uaithe gu suilbhir. 2 Cor. ix. 6, 7. [TD 201] Pàirticheadh an neach a ’ta air a theagaisg san fhocal, ris an neach a ’ta ’ga theagasg, ann sna h uile nithibh maithe. Na meallar sibh; cha deanar fanoid air Dia: oir ge b’è ni a shiol chuireas duine, an ni ceudna buainidh sè. Gal. vi. 6, 7. Reir mar ata fath againn, deanamaid maith do na h uile dhaoinibh, ach gu h àraid dhoibhsin a ’ta do theaghlach a’ chreidimh. 10. Ach is buannachd mhòr an diadhachd maille re bhi toilichte. Oir cha d’ thug sinn ni air bith leinn? do ’n t saoghal, agus is soilleir nach urradh sinn ni sam bith thoirt as. 1 Tim vi. 6, 7. Thoir àithne do na daoinibh a ’ta saibhir san t saoghal so, iad a bhi ealamh gu roinn, co’-pàirteach; a’ tasgaidh suas doibh fein, ann an stòr, deadh bhunadh fa chomhair an àm re teachd, chum ’s gu ’n dean iad greim air a’ bheatha mhairtheanaich. 17, 18, 19. Ni bheil Dia mi-cho’thromach, gu ’n di-chuimhnicheadh è obair agus saothair bhur gràdh, a nochd sibh thaobh ainme-sin, ’m feadh gu ’n d’ rinn sibh frithealadh do na naomhaibh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh. Eabh. vi. 10. Ach na di-chuimhnichibh maith a dheanamh, agus co’-roinn a thoirt uaibh: air ata an leithide sin do ìobairtibh taitneach do Dhia. Eabh. xiii. 16. Ge b’è neach aig am bheil maoin an t saoghal so, agus a chi a bhràthair ann uireasbhuidh, agus a dhruideas a chroidhe ’n a aghaidh, cionnas ata gràdh Dhe a’ gabhail comhnuidh ann-san? 1 Join iii. 17. Tabhair deirc do d’ mhaoin, agus na tiontadh t-aghaidh gu brath o dhuine bochd air bith, agus an sin cha bhi gnuis an Tighearna air a pilleadh air falbh uait-sa. Tob. iv. 7. Bi tròcaireach a reir do chomais. Ma ’ta mòran agad, thoir seachad gu pailt. Ma ’ta beagan agad, dean dichiol chum cuid do ’n bheagan sin thoirt seachad gu suilbhear: oir mar sin cruinichidh tu dhuit fein deagh thuarasdal ann la na h airc. Tob. iv. 8, 9. An ti do ni iochd air a bhochd tha è toirt an iasad do ’n Tighearna: agus fèuch a ni do bheir e seachad, bithidh si air a’ phaigheadh dha rithist. Seanr. xix. 17. Is beannuichte a’ neach do ni solar air son an duine thìnn a- [TD 202] gus an fheumaich: saoruidh an Tighearn è ann am trioblodi. Salm xli 1. ¶ ’Nuair a bhios na focail so ’g an leughagh, gabhuidh na Deacona agus seanoirean na h-eaglais, no daoin’ iomchuidh eile a dh’ orduicheadh a chum na cuise sin, an deirc air son nam bochd, agus crabheadh eile a’ phobuil, ann a’ meis eireachdail, is coir do ’n sgireachd a cheannach air son an fheum sin; agus bheir iad e gu h-uramach a dh’ ionsuidh an t Sagairt, neach a chuireas a lathair e gu h-iriosal, agus a chuireas air a bhord naomh e. ¶ Agus a’ nuair a bhios comanach ann, an sin cuiridh an Sagart ’air a bhord urrad arain, agus fhiona a shaoileas e ni gnothach. Agus tareis sin a dheanamh, their an Sagart. Deanamaid urnuigh air son staid iomlan eaglais Chriosd ata cogadh ann so air talamh. A Dhe uile chumhachdaich agus mhairtheanaich, do theagaisg dhuinne le t’Abstal naomh urnuigh agus achanuich a dheanamh, agus buidheachas a thoirt air son nan uile dhaoine; guidhemid ort gu h iriosal [gu’n § gabhadh tu ri ar deirc agus r’ ar ofrailibh agus] gu ’n gabhadh tu gu ro thròcaireach r’ ar n-urnuighean, ata sinn a’ toirt suas do d’ mhorachd dhiadhaidh, a’ guidhe ort gu’n lionadh tu an eaglais choitchionn a ghna le spiorad na firinn, na h-aonachd, agus na sith: agus deonuich an dream sin uile ata ’g aideachadh t’ainm naomh, gu’n aontuich iad le cheile ann am fìrinn t’-fhocail Naoimh, agus gu’ n caith iad am beatha ann aonachd agus ann gradh diadhaidh. Guidhemid ort mar an ceudna, gach uile Riogh, priunsadh, agus uachdaran Criosduidh a dhion agus a shaoradh; agus gu h-araid do sheirbheiseach Deorsa ar Righ; chum gu’m bi sinn air ar riaghladh gu diaghuidh agus gu suaimhneach fuidh sin; agus deonuich d’a chomhairle uile,agus do gach neach ata ann ughdaras fuidhe, gu’n dean iad ceartas gu firinneach agus co-thromach, chum peanas a dheanamh air aingeachd agus dubhailc; agus a chumail suas t’fhir chreideamh-sa agus subhailc. O Athair neamhuidh, tabhair gràs do gach Easbuig agus do gach ministeir; chum gu’m foilsich iad t’ fhocal fior agus beothail, ar aon le ’n teagasg agus le ’m beatha, agus gu ’m fritheal iad do sha- * Mur ’eil deirc no ofrail ann, an sin bidh na focail [gu’n gabhadh tu r’ ar deirc agus r’ ar ofrailibh] a,r am fagail a’ mach gun radh. [TD 203] Shacramaintean naomh gu ceart agus gu cubhaibh; agus tabhair do ghràs neamhuidh do d’ phobul uile; agus gu h-araid do ’n chomhthional ata làthair ann so; chum gu ’n eisd agus gu ’n gabh iad t’-fhocail naomh le cridhe màcanta agus le h-urram dligheach, a’ deanamh seirbheis fhirinneach dhuit ann naomhachd agus ann am fireantachd air feadh uile làeth am beatha. Agus guidhemid gu ro-umhla ort do d’ mhaitheas, O Thighearna, co-fhurtachd agus cobhair a thoirt do ’n dream sin uile, ata ann trioblaid, am bròn, ann dioth, ann easlaint, no ann cruaidh-chàs air bith eile ann sa’ bheatha dhiombuan so. Agus mar an ceudna, beannuichemid t’ainm naomh, air son do sheirbheisich uile a dh’fhag a bheatha so ann a d’ chreidimh agus ann a t’ eagal: a’ guidhe ort gràs a thoirt dhuinn, an eisimplair mhaith do leanmhuinn, chum gu ’m bi sinn n’ ar luchd co-pairt maille riusan do d’ rioghachd neamhuidh. Deonuich so, O Athair, air sgà Iosa Criosd ar n’ aon Eidir-mheadhon-fhear agus fear-tagradh. Amen. ¶ A nuair a bheir a Ministeir fios mu’n chomanach Naomh a chumail (ni a ni se do ghna air an domhnach no air an la Naomh a ’s faigse dha roimhe) an deigh na Searmain no na Homailidh a chriochnachadh, leughaidh se an earrail so a leanas. A Mhuintir ionmhuinn, air an ——— is faigse, tha mhiann orm, le comhnadh Dhe, sacramaint ro sholasach, Cuirp agus Fòla Criosd a fhritheala do ’n dream sin uile bhios gu diaghaidh agus gu crabhach deas mu choinnibh; gu bhi air a gabhail leo-san mar chuimhne air a chèusadh agus air a bhàs mòrthoiltineach-san, leis am faigh sinne amhain maitheanas ann ar peacaidh, agus leis a’bheil sinne air ar deanamh n’ar luchd copairt do riaghachd neamh. Uime sin is se ar dleasdanas buidheachas ro iorasail agus o ’r cridhe a thoirt do’n Dia uile chumhachdach ar n-Athair neamhuidh, do bhri gu ’n d’thug è a Mhac ar Slanuifhear Josa Criosd, cha ’n è ’mhain a chum basuchadh air ar son, ach mar an ceudna chum a bhi na lòn agus theachd antir Spioradail dhuinn an s an t Sacramaint naomh sin. Do bhri gu bheil i na’ nì co diaghaidh agus co solasach dhoibh-sin a ghabhas ì gu h-iomchuidh, agus co chunartach dhoibh-sin a ghabhas a dhanadas a gabhail gu mi-iomchuidh, ’s è mo dhleasdanas earalachadh oirbh san àm so, smuainteachadh air meudachd an rûn-diamhair naomha sin, agus an cunnart mòr ata ’na ghabhail gu mi iomchuidh, agus bhur cogaisin fein a rannsuchadh, agus a cheasnuchadh, (agus cha’n ann [TD 204] gu faoin, agus mar a ni luchd-mealluidh Dhe;) ach do chum gu ’n d’ thìg sinn naomh agus fior ghlan a dh’ ionsuidh a leithid so do chuirm neamhuidh. ann san eadach phòsaidh at air iarruidh le Dia ann san scriobtuir naomh, agus gu ’m bi sinn air ar gabhail n’ ar luchd co-pairt iomchuidh do’n bhord naomh sin. Is ì an t-slighe agus an doigh chum so a dheanamh; air thùs, bhur beatha agus bhur bèusan a cheasnuchadh a reir riaghailt aitheanta Dhe; agus ciod air bith ann san faic sibh gu ’n do chiontaich sibh ann toil, am focal, no ann gniomh, ann sin deanuibh caoidh air son bhur peacaidh fein, agus aidichibh do ’n Dia uile chumhachdaich, le làn rùn bhur beatha a leasuchadh. Agus ma bheir sibh fainear gu bheil bhur ciontaidh cha n’e ’mhaim ann aghaidh Dhe, ach mar an ceudna an aghaidh bhur coimhearsnuich, an sin ni sibh reite riu, air bhi dhuibh ullamh gu paidh agus dioladh a dheanamh a reir bhur comais air son gach uile ana-co’throm agus eacoir a rinn sibh air neach air bith eile: agus air bhi dhuibh ullamh mar an ceudna gu maithea’nas thoirt do dhaoin’ eile a rinn lochd oirbh, mar a b’aill leibh maitheanas fhaghail o Dhia ann bhur cionntaidh fein; oir mar dean sibh so, cha dean an Comanach naomh a ghabhail ni air bith ach bhur damnadh a mheudachadh. Air an aobhar sin ma ’ta neach air bith agaibh na fhear-toilbheum do Dhia, na fhear-toirmisg no na fhear sgainnil air fhocal, na adhaltranach, no ma ’ta se a’ mio-ruin, no am farmad, no ann cionnta mòr air bith eile; deanuibh aithreachas o bhur peacaibh, neo na tigibh chum a bhuird naomha sin, air eagal tarèis duibh an t-Sacramaint naomh a ghabhail, gu’n d’ theid an diabhol a steach annaibh, mar a chaidh se ann Judas, agus gu ’n lion è sibh do ’n uile olc, agus gu’n toir è sibh gu sgrios cuirp agus anama. Agus do bhri gu bheil è fèumail nach tigeadh duin’ air bith a dh’ ionsuidh a chomanaich naomh, ach le lan dòchas ann tròcair Dhe, agus le cogais shuamhneach; air an aobhar sin, ma ’ta neach air bith agaibhse nach urrain fois thoirt d’a chogais fein ann san ni so, ach aig am bheil feum air tuille solais no comhairle; thigeadh è ’m ionsuidh-se, no dh’ ionsuidh ministeir eigin eil glic agus foghlamhta ann am focal De, agus fosgladh se a bhròn, chum le ministreileachd focal naomh Dhe gu m faigh se tairbhe an fhuasgladh eaglais, maille ri seala [TD 205] agus ri comhairle Spioradail, chum fois thoirt da chogais, agus a chum gach teagamh agus amharas a chuir air cùl. ¶ No ma chi e an sluagh neo churamach ma theachd a dh’ ionsuidh a chomanaich naomh, ann aite nam briathra a chuaidh seachad, deanadh e feum do’n ’earail so. A Bhraithre ro gràdhach, air an ———— tha mhiann orm, le gras De, suipeir an Tighearna a fhritheala; a dh’ ionsuidh a’ bheil mi toirt cuire dhibhse uile ata lathair ann so, ann ainm Dhe, agus a guidhe oirbh air sga an Tighearn Josa Criosd, nach diult sibh teachd da h-ionsuidh, air bhi dhuibh air ar gairm agus air bhur cuireadh co ghradhach le Dia fein. Ata fios agaibh cia muladach agus mi chaoi’neil a’ ni so, nuair a dheasuich duine cuirm shaibhir, agus a chodaich è bhòrd leis gach uile ghne lòin, o’s nach ’eil nì air bith a dh’ uireasbhuidh ach na h-aoidhean a shuidhe sios, agus gidheadh gu’n diultadh an dream ata air an gairm (gun aobhar air bith) gu ro mhi-thaingeil teachd a chum na feisde. Co agaibhse air nach biodh fearg ann leithid so do chùis? co nach smuainticheadh gu’n d’ rinneadh ana-co’throm agus eacoir mhòr air? Uime sin a mhuintir mo ghraidh ann Criosd; thugaibh deagh aire, air eagal le tarrainn air ais o’n t-Suipeir Naomh so, gu’m brosnuich sibh fearg Dhe ’n ’ur n-aghaidh fein. Is furas do dhuine a radh, cha ghabh mi an comanach, do bhri gu bheil mi air mo chumail air m’ ais le gnothaichibh saoghalta. Ach cha ’n ’eil a leithid so do leith-sgeulaibh co furas a gabhail, agus co ceaduichte am fia’nuis De. Ma deir duine air bith, tha mi m’ pheacair ro mhòr, agus air an aobhar sin tha eagal orm teachd. C’ air son ma seadh nach dean sibh aithreachas agus nach leasuich sibh? A nuair ata Dia ’g ar gairm, nach na leibh a radh nach tig sibh? A nuair bu choir dhuibh pilleadh a dh’ ionsuidh Dhe, an gabh sibh bhur leith-sgeul, agus an abair sibh nach eil sibh ullamh? Smuintichibh gu dùrachdach annaibh fein cia beag am feum a ni leithidibh sin do shaobh leith-sgeulaibh am fia’ nuis De. A Mhuintir ad do dhiultan chuirm san t-Soisgeul, do bhri gu’n do cheannuich iad fearran, no gu ’m b’ ail leo ’n daimh a dhearbhadh, no do bhri gu ’n do phòs iad, cha do ghabhadh an leith-sgeul air an doigh sin, ach mheasadh nach b’ airidh iad air an fhèisd neamhuidh. Bi misè ullamh air mo thaobh fein, agus a reir m’ oifig, tha mi toirt cuireadh dhuibhse ann ainm Dhe, tha mi [TD 206] gairm oirbh as leith Chriosd, tha mi a sparradh oirbh, mar is ionmhuin leibh bhur slainte fein, gu ’m bi sibh n’ ar luchd co-pairt do’n chomanaich naomh so, agus mur dh’aontaich Mac Dhe, anam a thoirt suas air a chrann-cheusa air son ar slainte ne, mar sin se ar dleasdanas an comunach a’ aghabhail mar chuimhneachan air iobairt a bhais-sin, mar a dh’ aithn’è fein; agus ma ni sibh dearmad air so do dheanamh, smuaintichibh agaibh fein, cia mòr an eacoir a ni sibh air Dia, agus cia mòr am peanasata ’n crochadh os bhur ceann air a shon; nuair a dh’anas sibh gu toileach air ’ur n ais o bhord an Tighnearna, agus a sgaras sibh sibh-fein o ’ur braithribh, ata teachd gu ’m beathachadh air a chuirm do ’n bhiodh ro neamhuidh sin. Ma bheir sibh na nithe so gu dùrachdach fáinear, le gràs De pillidh sibh gu h-inntin is fearr: agus a chum so a chosnadh dhuibh-se cha sguir sinn-ne o dheanamh ar n achanuich umhla ris an Dia uile chumhachdach ar n-Athair neamhuidh. ¶ An am frithealadh a chomanaich, air bhi do ’n luchd comanaich air an suidheachadh gu h-iomchuidh chum an t-Sacramaint naomh do ghabhail, their an Sagairt an earail so. A Mhuintir ionmhuinn ann s an Tighearna, sibhse air a bheil a mhiann teachd a dh’ionsuidh comanach naomh cuirp agus fola ar Slanui’fhear Criosd, feumaidh sibh thoirt fai’near cionnas ata a Naomh Pòl aig earlachadh air gach uile neach iad fein a rannsachadh agus a cheasnuchadh gu dùrachdach, mu ’n gabh iad do dhanadas itheadh do ’n arran sin, agus òl do ’n chupan sin. Oir mar ata an t-sochair mòr, mu ghabhas sinn an t-sacramaint naomha sin le cridhe fior aithreachail agus le creidimh bheo, (oir an sin ithidh sinn feoil Chriosd, agus òluidh sinn fhuil air mhodh spioradail, an sin gabhuidh sinn comhnuidh ann an Criosd, agus Criosd annain-ne tha sinn mar aon maille ri Criosd, agus Criosd maille ruinn-ne:) mar an ceudna ata ’n cunnart mòr, mu ghabhas sinn an t-sacramaint gu neo iomchuidh. Oir an sin ata sinn cionntach do chorp agus do fhuil Chriosd ar Slanui’fhear; tha sinn aig ithadh agus aig òl ar domnadh fein, gun smuainteachadh air corp an Tighearna; tha sinn a’ lasadh fearg Dhe ’n ar n-aghaidh fein; tha sin ’g a bhrosnuchadh gu plaigh a chuir oirn le h-iomad easlaintibh, agus le iomad gne bàis. Air an aobhar sin a bhraithre, thugaibh breith oirbh fein, chum nach tugadh an Tigearna breith oirbh; deanuibh fior aithreachas air son’ur peacanna a chuaidh seachad; biodh creidimh beo agus diongalta agaibh ann Criosd ar Slanui’fhear; leasuichibh bhur [TD 207] beatha, agus bithibh ann gràdh iomlan ris na h-uile daoine, mar sin bithidh sibh ’nair luchd co-pairt iomchuidh do na rùin-diamhair naomha sin. Agus os gach nì feumaidh sibh buidheachas umhla agus cridheil a thoirt do Dhia an t-Athair, a Mac, agus a Spiorad naomh, air son saorsa an tsaoghal trid bàs agus fulangas ar Slanui’fhear Criosd, ata maraon na Dhia agus na dhuine, neach a dh’ islich è fein eadhoin gus a bhàs air a chrois, air ar soinne peacaich thruagh, a bha ’n ar luidh ann dorchadas agus an sgail a bhàis, chum gu ’n deanadh è sinn-ne ’n air cloinn do Dhia, agus gu ’n arduicheadh è sinn gu beatha shiorruidh. Agus a chum gu ’m biodh cuimhn’ againn do ghna air gràdh ro mhòr ar Maighistir, agus ar n’ aon Slanui’fhear Josa Criosd, mar so a’ basuchadh air ar son, agus air na sochairean do-aireamh a choisin è dhuinn le dòrtadh fhola phrìseil; dhòrduich agus chuir e air chois rùin dhiamhair naomh mar dhearbhabh air a ghràdh, agus a chum co’fhurtachd mòr gun chrich dhuinne. Air an aobhar sin thugamaid dha-san maille ris an Athair, agus ris an Spiorad naomh, (mar ata dh’fhiachaibh oirn) gna bhuidheacheas, ’g ar streachda fein sios gu h-iomhlan d’a thoil agus d’ thogradh naomha-san, agus a’ cur romhainn seirbheis a dheanamh dha-san am fìreantachd, agus am fìor naomhachd feadh uile laithibh ar beatha. Amen. ¶ An sin their an Sagart ris an dream a thig a ghabhail a chomanaich naomh. SIbhse ata deanamh aithreachas fior agus dùrachdach air son bhur peacaidh, agus ata an gràdh agus ann carthanachd ri ’r coimhearsnuich, agus air a bheil a rùn beatha nuadh a chaithe, a leantuin aitheantan Dhe, agus a shiubhal o so mach ’n shlighibh naomha-san; thighibh am fogas le creidimh, agus gabhuibh an t-sacramaint naomh so chum bhur co’-fhurtachd agus deanuibh bhur n aidmheil umhla do ’n Dia uile chumhachdach, ’g ar leigeadh fein air bhur glùinibh gu h irìosal. ¶ An sin a deanar an aidmheil chumanta so le h-aon do na Ministeiribh, ann ainm na muintir sin uile air a bheil a mhian an comanach naomh a ghabhail, air bhi dha-san agus do ’n phobul uile air an gluinibh gu hiriosal, agus aig radha, A Dhe uile chumhachdaich, Athair ar Tighearn Josa Criosd, a Chruith-fhear nan uile nithe, a Bhreitheamh nan uile dhaoine; tha sinn ag aideachadh agus ag caoidh ar peacaidh [TD 208] agus ar n-aingeachd lionmhòr, a rinn sinn o àm gu h-àm gu ro uamhara, le smuainte, le focal, agus le gniomh, an aghaidh do mhòrachd dhiaghaidh, a brosnuchadh t-fheirg agus do chorruich gu ro cheart n’ a’ ar n-aghaidh fein. Tha aithreachas dùrachdach, agus tha bron cridhe oirn air son ar mi-ghniomhara; tha ’n cuimhne a cur doilgheas oirn tha an uallach do-fhulang. Dean tròcair oirn, dean thròcair oirn, Athair ro thrócairich; air son do Mhic ar Tighearn Josa Criosd, maith dhuinn gach ni chuaidh seachad; agus deonuich gu ’n dean sinn gu bràth an deigh so seirbheis dhuit agus do thoileachadh ann nuadhachd beatha, chum glòir agus onoir t-ainm, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen ¶ An sin seasuidh an Sagart suas (no an t easbuig air bhi dha lathair) agus air tiontadh dha ris a’ phobull labhruidh se am fuasgladh-eaglais so. A Dia uile chumhachduich ar n’ Athair neamhuidh, a gheall d’ a mhòr tròcair maithea’nas peacaidh dhoibh-sin uile a philleas da ionsuidh le h-aithreachas cridhe, agus le fior chreidimh; gu ’n deana se tròcair oirbh, gu ’n tugadh è maitheanas dhuibh, agus gu ’n saoradh è sibh o bhur n’ uile pheacaid gu ’n daingnicheadh è sibh ann san uile mhaitheas, agus gu ’n tugadh è sibh gu beatha shiorruidh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin their an Sagart. Cluinnibh na briathra sòlasach ata ar Slànui’fhear Criosd a’ labhairt ris gach neach a philleas gu fìrineach ’na ionsuidh: THigibh a’ m’ionnsuidhs’ uile ata re saothar, agus fui’ throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Mhat. xi. 28. Oir is mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu ’n d’ thug è a aon-ghin Mhic fein, chum ’s ge b’è neach a creideas ann, nach rachadh a sgrios, ach gu ’m biodh a’ beatha shiorruidh aige. Ioin iii. 16. Eisdibh mar an ceudna ciod a deir Naomh Pòl. Is fior an radh so, agus is fiu è air gach aon chor gabhail ris, gu ’n d’ thainig Josa Criosd do ’n t saoghal a thearnadh pheacach. 1 Tim. i. 15. [TD 209] Eisdibh mar an ceudna ciod a deir Naomh Eoin: Ma peacaicheas neach air bith, ’ta fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Criosd am fìrean: Agus is eisean an Iobairt-reitach air son ar peacaidh-ne. 1. Jo. ii. 1. ¶ An deigh so theid an Sagairt air aghaidh, aig rach. Togaibh suas bhur cridhean. Freag. Tha sinn ga’n togail suas dh’ ionsuidh an Tighearna. Sag. Thugamaid buidheachas d ’ar Tighearna Dia. Freag. Is iomchuidh agus còir sin do deanamh. ¶ An sin tiontaidh an Sagart gu bord an Tigherroa, agns a deir se. THa è ro iomchuidh, ceart, agus na dhleasdanas ceangailt oirn, gu ’n tugamaid air gach uile àm agus ann s gach uile àite, buidheachas dhuirt-se, O Thighearna, * Athair Naomh, a Dhe uile chumhachdaich, agus shiorruidh. * Cha bhi na focail so (Athair Naomh) air an radh air Domhnach na Trionaid. ¶ Ann so leanuidh an roimh-radh araid do reir an am, ma ’ta roimh-radh araid air bith air orduchadh; mur ’eil leanuidh air ball. AIr an aobhar sin maille ri ainglibh agus ri ard-ainglibh, agus maille ri cuideachd nan neamha uile, molaidh agus àrduichidh sinn t-ainm glòirmhor, gu brath ga d’ mhòladh, agus ag radh, Naomh, naomh, naomh, a Thighearna Dhia nan slaugh, tha neamh agus talamh làn do d’ ghlòir. Glòir dhuit-se, O Thighearna a ’s ro àirde. Amen. ¶ Roimhraidhe araid. ¶ Air so Nollaic, agus seachd la na deigh. DG bhri gu ’n tug ú Josa Criosd t-aon Mhac fein, chum a bhi air a bhreath, mar air an àm so air ar sonn-ne; a rinneadh na fhoir dhuine do bhrigh na h-Oigh Muire a Mhàthair, le oibreachadh an Spioraid naoimh, agus sin gun smal peacainh, [TD 210] chum sinn-ne do glanadh o gach peacadh. Air an aobhar sin maille ri ainglibh, &c. ¶ Air la Caisg, agus seachd la na dheigh. ACh gu h àraid ata dh’ fhiachaibh oirn thusa do chliuachadh air son eis-eirigh ghlormhor do Mhic Josa Criosd ar Tighearna: oir is eisin am fior uan caisg a dh’ ofraileadh air ar soinn-ne, agus a thug air falbh peaca an t-saoghail; do sgrios am bàs le bhàs fein, agus le eirigh a ris gu beatha a dh aisig air ais dhuinn-ne beatha shiorruidh. Uime sin maille ri ainglibh, &c. ¶ Air la Deas-ghabhail, agus seachd la na dheigh. TRid do Mhic ro gràdhach Josa Criosd ar Tighearna, a dh’ fhoillsicheadh gu follasach d’ a abstalaibh uile uile an deigh eis-eirigh ro ghlòrmhor, agus a chuaidh ’n an sealla’ suais air neamh, a dh’ ulluchadh àite dhuinn-ne; chum far am bheil eisin gu’n rachadhmaid suas mar an ceudna, agus gu ’n riaghluichidh-mid maille ris an glòir. Uime sin maille ri ainglibh, &c. ¶ Air Domhnach na Caingis, agus sea la na dheigh. TRid Josa Criosd ar Tighearna; an ti do reir a ghealla ro fhìrinich, a chur an Spiorad naomh a nuas o neamh, mar air an am so, le mór fhuaim obann, mar gu ’m biodh gaoth thrèun, ann cosamhlachd teangana téinteach, a teachd air na h-abstolaibh, ’g an teagaisg, agus ’g an treorachadh dh’ ionsuidh gach uile fhírinn, a’ tabhairt dhoibh araon gibht iomad caint, agus mar an ceudna danachd chum an soisgeul dó shearmonachdadh do na h-uile chinnich gu bunailteach le teas ghradh, leis an tugadh sinnne amach a’ dorchadas, agus a’ mearachd, a chum soluis glan agus fior eolas ort-sa, agus air do Mhac Josa Criosd. Uime sin maille ri ainglibh, &c. ¶ Air Feisd na Trionaid amhain. THusa ata a t-aon Dia, a t-aon Tighearna; cha n’ ann a t-aon phearsa amhain, ach trì pearsa ann aon substaint. Oir a’ nì sin ata sinn a’ creidsin mu ghlòir an Athar, tha sinn [TD 211] a’ creidsin a’ nì ceudna mu ghlóir a Mhic, agus an Spioraid naoimh, gun eidir-dheallachadh no neo choimeas air bith. Air an aobhar sin maille ri ainglibh, &c. ¶ An deigh gach aon do na roimh-raidhe so, air ball a deirear no seinnear, AIr an aobhar sinn maille ri ainglibh agus ri ard-ainglibh, agus a maille ri cuideachd nan neamha uile, molaidh agus árduichidh sin t-ainm glóirmor; gu brath ga d’ mhóladh, agus ag radh, Naomh, naomh, naomh, a Thighearna Dhia nan sluagh, tha neamh agus talamh lan do d’ ghloir. Gloir dhuit-se, O Thighearna a ’s ro airde. Amen. ¶ An sin air do ’n t-Sagart a bhi air a ghluinibh aig bord an Tighearna, their se ’n urnuigh so a leanas, ann ainm na muintir sin uile a ghabhas an Comanach. O Thighearna throcairich, cha ’n ’eil sinn a gabhail a dhanadas teachd a dh’ ionsuidhe do bhuird-se, an earbsa r’ar fìreantachd fein, ach ri d’ throcairean mór agus lionmhor. Cha ’n fhiu sinn urrad an spruilleach ata fo d’ bhord a thional. Ach is tu-sa an Tighearna sin, leis an cleachda bhi do gna trocaireach; uime sin a Thighearna ghràsail, deonuich dhuinn feoil do Mhic ghràdhuich Josa Criosd itheadh, agus fhuil o’l, air doigh gu ’m bi ar cuirp pheacach air an deanamh glan le chorp-san, agus ar n’ anamaibh air an ionlad trid fhuil ro prìseil-sin, agus gu ’n gabhadhmaid gu brath comhnuidh ann-san, agus eisin annainne. Amen. ¶ Nuair a chuireas an Sagart an ordugh (air bhi dha na sheasamh fa choinne a bhuird) an t aran agus am fion, air doigh gu ’m feud è na ’s deiseadh agus na ’s uramach an t-aran a bhriseadh ann làthair a phobuil, agus an copan a ghlac ’na lamhaibh, their se urnuigh a’ chaisrigeadh, mar a leanas. A Dhe uile chumhachdaich, ar n’ Athair neamhuidh, a thug do d’ thròcair chaomh t-aon Mhac Josa Criosd gu bàs fhulang air a chrois air son ar saorsa, a rinn ann sin (le aon iobairt d’è fein a thoirt aon uair) iobairt, ofrail, agus dioladh làn, iomlan, agus foghainteach air son peacaidh an t-saoghail uile, agus a dh’ orduich, agus a dh’ aithn dhuinn-ne ’na shoisgeul naomh buan-chuimhneachan a bhais mhor luach a chumail suas gus an d’ thig è ’ris; tha sinn gu ro umhla a’ guidhe ort, O [TD 212] Athair thròcairich, èisd ruinn; agus deonuich dhuinn-ne ata gabhail do chreutairean so do dh’ aran agus do dh’ fhion, a reir ordugh naomh do Mhic Josa Criosd ar Slanui’fhear, mar chuimhneachan air a bhàs agus fhulangas, gu ’m bi sinn ’n ar luchd co-pairt d’a chorp agus d’a fhuil ro bheannuichte-sin: Neach an san oidche sin an do bhrathadh è, (a) ghlac se aran, agus nuair thug sè buidheachas, (b) bhrist sè è, agus thug sè da dheiscioblibh è, aig radh, glacaibh, ithibh, ’s è (c) so mo chorp-sa, a thugadh air bhur son-sa, deanuibh so mar chuimhneachan orm-sa. Mar an ceudna an deigh na Suipeir, (d) ghabh è ’n cupan, agus a nuair a thug è buidheacheas, thug sè dhoibh è, ag radh, òluibh uile dheth so, oir is (e) sè so m’ fhuilse na Tiomna Nuadh, a dhoirteadh air bhur son-sa agus air son mòran a chum maitheanas peacaidh: Deanuibh so co minic agus a dh’ òlas sibh è mar chuimhneachan ormsa. Amen. (a) Ann so is coir do ’n t Sagairt an pàtan a glacadh ’na laimh: (b) Agus ann so an t aran a bhriseadh: (c) Agus ann so a lamh a chuir an arain uile: (d) Ann so glacaidh sè an cupan ’na laimh: (e) Ann so cuiridh se lamh air gach saothach (ma ’s caillis no flagan è) ann sa’ bheil fion air bith ri choisrigeadh. ¶ An sin gabhuibh a’ Ministeir air tus an comanach s an da ghne, agus an sin theid se air aghaidh ’ga thoirt do na h-Easbuicibh, do na Sagairt, agus do na Deaconuibh air a mhodh cheudna (ma bhios neach dhiubh a lathair) agus an deigh sin do ’n phobul uile an ordugh mar an ceudna, ’n an laimh, air bhi dhoibh uile gu h-iriosal air an gluinibh. Agus a nuair a bheir e ’n t-aran do neach air bith, their se, GU ’n deana corp ar Tighearna Josa Criosd, a thugadh air do shonsa, do chorp agus t-anam a ghleidheadh chum na beatha mairtheanuich. Gabh agus ith so mar chuimhneachan gu ’n do bhàsuich Criosd air do shon, agus beathuich air san ann do chridhe le creidimh agus le breith-bhuidheachais. ¶ Agus a’ Ministeir a bheir an cupan do neach air bith, their se, GU ’n deana fuil ar Tighearn Josa Criosd, a dhóirteadh air do shon-sa, do chorp agus t-anam a ghleidheadh chum na beatha mairtheanaich. Ol so mar chuimneachan [TD 213] gu ’n do dhoirteadh fuil Chriosd air do shon, agus bi taingeil. ¶ Ma theirgeas an t-aran agus am fion coisrighte mu ’n do ghabh an sluagh uile an comanach; beannuicheadh an Sagart an tuille a leir na foirm a chuireadh sios roimhe so; a toiseach aig (Ar Slanui’fhear Criosd s an oidhche sin, &c.) air son a beannuchadh an arain; agus aig (Mar an ceudna an deigh na suipeir, &c.) air son beannuchadh d’ chupain. ¶ Nuair a ghabh an sluagh uile an comanach, pillidh a Ministeir gu bord an Tighearna, agus cuiridh e gu h-urramach air a bhord fuighleach na ’n eilimeintibh coisrighte, ’g a chomhdach le lion-eudach glan. ¶ An sin their an Sagart urnuigh an Tighearna, agus an pobull ag radh gach iarrtas na dheigh. AR n’ Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith dhuinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc; oir is leatsa an rioghachd, agus a chumhachd, agus a ghloir, gu siorruidh agus gu siorruidh. Amen. ¶ An sin a deirear mar leanas. O Thighearna, agus Athair neamhuidh, tha sinn-ne do sheirbheisich umhla gu dùrachdach a’ guidhe air do maitheis Athaireil, gabhail gu tròcaireach ri so ar n iobairt mholaidh agus bhreath-bhuidheachais; a’ guidhe ort gu ro umhla gu ’n deonuich thu, trid toilteanas agus bàs do Mhic Josa Criosd, agus tre creidimh ’n a fhuil-sin gu ’m faigh sinn-ne agus t’ eaglais uile maitheanas ’n ar peacaidh, agus uile shochairean eile fhulaingas. Agus ann so, O Thighearna, tha sin ’g ar tairgse agus ’g ar taisbeanadh fein dhuit-se, ar n-anama agus ar cuirp gu bhi iobhairt, reasanta, naomh agus bheodhail dhuit-se; a’ guidhe ort gu h-umla, gu ’m bi sinn-ne ata ’n ar luchd co-pairt do ’n chomanach naomh so, air ar lionadh le d’ d’ ghràs agus le do bheannachadh neamhuidh. Agus ge d’ nach fhiu sinn trid lionmhoireachd ar peacaidh iobairt air bith a thoirt dhuit-se; gidheadh tha sinn a’ guidhe ort gu ’n ghabhadh tu ris an dleas’nais agus ris an t-seirbheis ata dh’ fhiachaibh oirn; cha ’n an meadhaigh ar toiltineas, ach a’ maitheadh ar cionntaibh, trid Josa Criosd ar Tighearna; leis-sin, agus maille ris, ann aonachd an Spiorad naoimh gum biodh gach uil’ o- [TD 214] onair agus glòir dhuitse, O Athair uile chumhachdaich, saoghal gun chrìch. Amen. ¶ No so, A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, tha sinn a’ toirt buidheachas dhuit o ar cridhe, gu bheil thu aig aontacha sinne a bheathachadh, a ghabh gu cubhaidh na rùin-dhiamhair naomha so, le lòn spioradail cuirp agus fola ro phrìseil do Mhic ar Slanui’fhear Josa Criosd; agus le-sin gu bheil ù a’ toirt dearbha dhuinn’ air do chaoi’neas agus air do mhaitheas d’ ar taoibh-ne; agus gu bheil sinn n’ ar fior bhuill chorporra ann an corp diamhair do Mhic, eadhoin cuideachd bheannuichte an t-sluaigh threibh-dheireach uile; agus gu bheil sinn mar an ceudna n’ar n oighreachaibh tre dhóchas air do rìgheachd shiorruidh, trid toiltineas báis agus fullangas ro phrìseil do Mhic gràdhuich. Agus tha sinn gu ro umhla a’ guidhe ort, o Athair neamhuidh, gu ’n cuidicheadh tu sinn le d’ ghràs, gum buanuich sinn ann do cho-chomun naomh, agus gu ’n dean sinn na deagh oibre sin uile a dh’ ull’uich thù dhuinn chum siubhal ann-ta, trid Josa Criosd ar Tighearna, ga ’n rabh maille riut-sa agus ris an Spiorad naomh, gach uile onair agus glóir saoghal gu ’n chrìch. Amen. ¶ An sin a deirear no seinnear. GLóir do Dhia sa ’n àird, agus sith air talamh; deagh thoil do dhaoine. Molaidh sin thù, beannuichidh sin thù, bheir sinn aodhradh dhuit, bheir sin glòir dhuit, bheir sinn buidheachas dhuit air son do mhor-ghlóir, O Thighearna Dhe, a Riogh neamhuidh, a Dhe an t-Athair uile chumhachdaich. O Thighearna, an t-aon ghin Mhic Josa Criosd; O Thighearna Dhe, Uan De, a Mhic an Athar, a bheir air falbh peacaidh an t-saoghail, dean trocair oirn. Thus a bheir air falbh peacaidh an t-saoghail, dean trocair oirn. Thus a bheir air falbh peacaidh an t-saoghail, gabh ar n’ urnuigh. Thus a tha a’ d’ shuidhe air deas lamh Dhe an Athair, dean trocair oirn. Oir is tus amhain ata naomh, is tus amhain an Tighearna, is tus amhain O Chriosd, maille ris an Spiorad naomh, is airde ann gloir Dhe an Athair. Amen. [TD 215] ¶ An sin leigidh an Sagart (no an t-Easbuig ma bhios e a lathair) leis an t-sluagh falbh leis a bheannuchadh so. GU ’n deana sìth Dhe ata os cion gach uile thuigse, bhur cridheachan agus bhur n-inntin a choimhid ann eolas agus ann gradh Dhe, agus a Mhic Josa Criosd ar Tighearna: agus gu ’n rabh beannuchadh an De uile chumhachduich, an Athair, a Mhic, agus an Spioraid naoimh, n’ ar measg, agus gu ’n gabhadh è comhnuidh maille ribh do ghna. Amen. ¶ Urnuighean gu bhi air an ’g radh an deigh na h-ofrail, nuair nach bi comanach ann aon tuille air gach la dhuibh sin; agus feudar an radh mar an ceudna co minic ’s a bhios co’throm ann, an deigh oraidhean na h-urnuigh mhaidne no fheascair, an deigh an Comanach no Liodan, mar a’ chi a Ministeir iomchuidh. O Thighearna, cuidich sinn gu trocaireach annta so ar n’ achanuichibh agus ar n’ urnuighean, agus aom slighe do sheirbheiseach a chum slainte shiorruidh fhaghail; ionnas a’ measg uile chaochlaidh agus theagmhaisin na beatha bhásmhor so, gu ’m bi iad gu bráth air an dìon le d’ chomhnadh ro gràsail agus ullamh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. O Thighearna uile chumhachdaich, agus a Dhe bhith-buain, tha sinn a’ guidhe ort, aontuich, araon ar cridheachan agus ar cuirp a stiuradh, a naomhachadh, agus a riaghladh ann ceumaibh do lagh, agus ann oibribh t-àitheantan; chum trid do dhìdean ro chumhachdach, gu ’m bi sinn air ar teasairgin ann corp agus ann anam, ar aon ann so agus gu bràth, trid ar Tighearna agus ar Slanui’fhear Josa Criosd. Amen. A Dhe uile chumhachdaich, tha sin a guidhe ort, deonuich gu ’m bi na briathra a chuala sin air an la diugh le ’r cluasaibh o ’n taobh a muigh, air an suidheachadh le d’ ghràs ann ar cridheachaibh an taobh a stigh; chum gu ’n toir iad a mach annain toradh deagh chaithe beatha, gu cliu agus onair t-ainm-se, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 216] BI roimhain, O Thìghearna, ann ar n’uile ghniomhara, le d’ chaoi’neas ro ghràsail, agus thoir air ar n-aghaidh sinn le d’ ghna chomhnadh, a chum ann ar n-uile oibre a thoisich, a bhuanaich, agus a chriochnuich sinn ann-ad-sa, gu ’n toir sinn gloir do t-ainm naomh, agus fa dheoigh le d’ thròcair gu ’m faigh sinn a bheatha mhairtheanach, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. A Dhe uile chumhachdaich, a thobar an uile ghliocais, aig am bheil fios air ar n uireasbhuidh mu ’n iarr sinn, agus ar n’ aineolas ann iarruidh, tha sinn a’ guidhe ort gu ’n gabhadh tu truas d’ ar n’ anaineachd: agus na nithe sin nach ’eil do dhànadas againn iarruidh, chion nach airidh sinn, agus air son ar doille nach urra sinn iarruidh, dèonuich dhuinn iad air son diongalachd do Mhic Josa Criosd ar Tighearna. Amen A Dhe uile chumhachdaich, a gheall gu ’n eisdeadh tu ri achanuichibh an dream a dh’ iarras ann ainm do Mhic; tha sinn a’ guidhe ort gu ’n aomadh tu do chluasa gu tròcaireach d’ ar n-ionsuidh-ne a rinn air an àm so ar n’ urnuighean agus ar n-achanuich riut; agus na nithe fin a dh-iarr sinn le creidimh a reir do thoil, deonuich gu ’m faigh sinn iad gu h-èifeachdach, chum cobhairadh air ar feum, agus a chum do ghloir-se a thaisbeanadh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. AIR domhnachaibh agus air laethibh naomh eile (mur bi comanach ann) bidh gach ni ata air orduchadh aig a’ chomanach air a radha, gu deireadh na h-Urnuigh chumanta [air son staid iomlan eaglais Chriosd ata cogadh air talamh] maille ri h-aon no tuille do na h-urnuighean so a chuireadh sios fa dheireadh roimhe so, a co-dhunadh leis a bheannuchadh. ¶ Agus cha bhi Suipeir an Tighearn air a frithealadh, mur bi aireamh iomchuidh gu ’s an comanach a ghabhail ma’ ris an t-Sagart, a reir a ’s mar a chi se ceart. ¶ Agus mur bi ascionn fichiod pearsa s ann sgireachd, aig am bheil gliocas an comanach do ghabhail; gidheadh cha bhi comanach ann, mur gabh ceitheir (no air a chuid a ’s lugha triuir) an comanach ma’ ris an t-Sagart. ¶ Agus ann an Eaglais Easbuic, agus ann Eaglaisibh am bi da mhinisteir, agus ann collaisdibh, far am bheii moran shagart agus dheaconaibh, gabhuidh iad uile an comanach ma’ ris an t-Sagart air na h-uile domhnach air a chuid a’s lugha, mur eil aobhar reusanta aca na aghaidh. [TD 217] ¶ Agus a chum gach aobhar eas-aontachd agus saobh-chreidimh, ata aig neach air bith, no dh’ fheudadh a bhi aige a thaobh an arain agus an fhiona, a thoirt air falbh, is leor so, gu ’m bi ’n t aran leithid a bhios cleachda re itheadh; ach an cruinneachd is fearr agus is gloiune a dh’ fheudar ata gaoireasach r’a fhaghail. ¶ Agus ma bhios a bheag air bith do ’n aran agus do ’n fhion air fhagail gun choisrigeadh, bithidh se aig a Mhinisteir gu fheum fein; ach ma bhios fuighleach an do ’n aran a chuaidh bheannuchadh, cha toirear amach as an eaglais, e ach an Sagart agus co air bith eile do ’n luchd commanaich a ghairmeas e ’n sin d’ a ionsuidh, ithidh agus oluidh s’ iad e gu h-urramach air ball an deigh a bheannuchaidh. ¶ Bidh an t-aran agus am fion air son a chomanaich air an shollar leis a Mhinisteir agus le luchd dreachd na h-eaglais, air costas na sgireachd. ¶ Agus thoir fainear, gu ’n gabh gach neach ata ann san sgireachd an comanach tri uairean sa’ bhliadhna air a chuid a’s lugha, agus uair dhiu sin a’ Chaisg. Agus ni gach neach s-ann sgireachd cunntas ris a Pharson, ris a’ Bhiocair, no ris a’ Mhinisteir, no ris a neach no an dream ata n-ann aite gach bliadhna air a Chaisg, agus ni iad gach uile dhlighe eaglais ata gnathuichte dligheach, a phaidhe dhoibh-sin no dha-sa, is coir a phaidhe air an am sin. ¶ An deigh criochnachadh na seirbheis dhiaghaidh, bidh an t-airgiod a thugadh seachad aig an ofrail air a bhuileachadh ann leithid do dh’ fheumaibh diaghaidh agus carthanach, a’s a chi am Ministeir agus luchd dreachd na h-eaglais ceart. Ach mur coird iad ann so, bi se air a bhuileachadh mar a dh’ orduicheas an t-uchdaran. DO bhri gu bheil è air orduchadh s ann oifig so chum frithealadh suipeir an Tighearna, gu ’m bu chóir do ’n luchd-comanaich a ghabhail air an glùinibh (ordugh aig am bheil deagh rùn, a cialluchadh ar n’ aidmheil umhla agus thaingeil air na sochairean a bheir Criosd seachad ann do ’n dream sin uile a ghabhas gu h-iomchuidh è, agus a chum a leithid do mhi-naomhachadh agus a dh’ eas-ordugh an sa chomanach naomh a sheachnadh, a ’s a dh’ fheudadh tachairt air doigh eile) gidheadh an t-eagal gu ’n gabhadh neach air bith an sleuchda so ann seadh docharach, no gu ’n deanadh è droch fheum dheth, tre ain-eolas agus anmhuineachd, no tre mhi-ruin agus chrosantachd; ata è air innseadh ann so, nach ’eil adhradh sa’ bith air a chialluchadh leis, agus nach còir a dheanamh, do dh aran no do dh’ fhion an t-sacramaint ata air an gabhail ann gu corpora, no do làthaireachd air bith chorpora fheola agus fhola natura Chriosd. Oir ata aran agus fion na sacramaint a’ fuireachd daonan nan ceart bhrigh nadurra, agus air an aobhar sin cha ’n fheadar adhradh [TD 218] thoirt dhoibh, (oir b’ iodhal-aodhradh sin, nì do’m bu chòir do gach criosduigh creidmheach gràin do ghabhail) agus ata corp agus fuil nadurra ar Slanui’fhear Criosd air neamh, agus cha n ann ann so; ata è ’n aghaidh fìrinn corp nadurra Chriosd, a bhi air an aon am an tuille a’s aon àite. Frithealadh BAISTE follasach NAOIDHEACHAN, ra gnathachadh s-ann EAGLAIS. ¶ IS coir fios a thoirt do ’n phobul, gu bheil e ro iomchuidh nach biodh baiste air a frithealladh ach air domhnachaibh agus air laethibh naomh eile, nuair thig a chuid a’s mo do shluagh an ceann a cheile: chum gu ’n dean an co-thional ann sin a lathair fiadhnuis, gu bheil a chlann ata air an ur bhaiste air an gabhail a’ steach ann aireamh eaglais Chriosd; agus mar an ceudna, do bhri ann am baisteadh na cloinne gu ’m bi gach duine a bhios a lathair air a chuir ann cuimhne ciod an aidmheil a rinn e feln do Dhia ann am a bhaisteadh. Air son an reusain cheudna, is coir am baiste do fhrithealadh ann s an chaint chumainte. Gidheadh (ma’s eigin e) fendar clann a bhaisteadh alr la air bith eile. ¶ Agus thoir fai’near, gu ’m bi aig gach leanabh gille theid a bhaiste, da oide agus aon mhuime; agus aig gach leanahh n-inghinn, aon oide agus da mhuime. ¶ Nuair ata clann ri bhaiste, bheir na h-aithrichin fios do ’n Mhinisteir an oidhch’ roimhe no air a mhadain mu ’n toisich an urnuigh mhaidne. Agus an sin feumaidh na n-Oidichean agus na Muimeachan, agus an sluagh, maille ris a chloinn a bhi ullamh aig an tobar bhaisteadh, air ball an deigh an leasan dheirrio naich aig urnuigh na maidne, no air ball an deigh an leasan dheirrionaich aig an urnuigh fheascair, mar a dh’ orduicheas a Ministeir ga thoil fein. Agus air teaehd do ’n t-Sagart a dh-ionsuidh an tobair bhaiste (a bhios an sin air a lionadh do dh-uisge fior ghlan) agus air seasamh dha ann sin, a deir se, An rabh an leanabh so air a bhaisteadh roimhe so, no nach rabh? ¶ Ma fhreagras iadsan, cha rabh, an sin theid an Sagart air aghaidh mar a leannas. A Mhuintir ionmhuinn, do bhri gu bheil na h-uile dhaoine air an ginmhuinn agus air am breith ann am peaca, agus gu bheil ar Slanui’fhear Criosd ag radh, Nach fead neach air bith dol a steach do ri- [TD 219] rioghachd Dhe, mur bi è air ath-ghinmhuin agus air a nuadh-bhreith le uisge agus leis an Spiorad Naomh; guidhim oirbh gairm air Dia an t-Athair, trid ar Tighearn Josa Criosd, gu ’n tugadh é d’ a mhòr thròcair do ’n leanabh so, a’ ni sin nach fheud a bhi aige thaobh Natuir, gu ’m bi sè air a bhaisteadh le h-uisge agus leis an Spiorad Naomh, agus air a ghabhail a steach do dh-eaglais Naomh Chriosd, agus gu ’m bi s’è air a dheanamh na bhall beo dh’ì, ¶ An sin their an Sagart, Deanamaid Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, a shabhail le d’ mhòr thròcair Noa agus a theaghlach ann s an airc o ’n sgrios le h-uisge, agus mar an ceudna a threoruich do phobul fein clann Israil gu teuruinte tre a Mhuir ruaidh, leis sin a’ cialluchadh do bhaiste naomh: agus le baisteadh do Mhic ro ghràdhach Josa Criosd ann abhuinn Jordan, a naomhuich uisge chum nigheadh deamhair peacaidh air falbh; tha sinn a’ guidhe ort air son do throcairibh gun tomhas, gu n amhairc thu gu trocaireach air an leanabh so; ionlaid è agus naomhaich è le d’ Spioraid Naomh, chum air bhi dha air a shaoradh o t-fheirg, gu ’m bi se air a ghabhail steach ann airc eaglais Chriosd; agus air bhi dha daingean ann creidimh, aoibhneach tre dhochas, agus suidhghte ann gràdh, gu ’m fead è dol tre thonnaibh an t-saoghail thrioblaidich so, chum gu ’n tig è fa dheoidh gu talamh na beatha mairtheanaich; chum riaghladh ann sin maille riutsa, saoghal gun chrich, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. A Dhe uile chumhachdaich agus mhairtheanaich, comhnadh gach neach ata am feum, fear cuidicheadh gach neach a theicheas do t-ionsuidh air son cobhair, beatha gach uile neach a chreideas, agus ais-eirigh nam marbh; tha sinn a’ gairm ort air son an leanabh so, chum air teachd dha dh-ionsuidh do bhaiste naomh sa, gu ’m faigh se maitheanas ann a pheacaidh tre aith-ghinmhuin spioradail. Gabh è, O Thighearna, mar a gheall ù le do Mhac ro ghrádhach, ag radh, sirribh, agus bidh agaibh; iarruidh, agus gheabh sibh; buailibh, agus bidh air fhosgladh dhuibh; Mar sin tabhair dhuinne a nis ata ’g iarruidh; faighemide, ata a’ sirribh; fosgail an [TD 220] dorus dhuinn-ne ata bualadh; chum gu ’m fuigh a’ naoidhean so beannuchadh siorruidh t-ionlad neamhuidh, agus gu ’n tig è dh-ionsuidh na rioghachd shiorruidh, a gheall thu, tre Chriosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin seasaidh an sluagh suas, agus their an Sagart, Eisdibh briathraibh an t-Soisgeil, a sgriobhadh le Naoimh Marc s ann deicheamh caibdeil, aig an treas rann deug. THug iad clann og a’ dhionnsuidh Chriosd, cum’s gu’m beanadh sè riu; agus chronuich a dheisciobuil a’ mhuintir a thug leo iad. Ach an uair a chunnairc Iosa sin, bha è ro-dhiom’ach, agus a dubhairt se riu, Leigibh do na leanbuibh teachd a’ m’ ionnsuidhs’, agus na bacuibh iad; oir is ann d’ an leithidibh ata rioghachd Dhe. Gu deimhin a deirim ribh, Ge b’e neach nach gabh rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach d’theid sè a steach innte. Agus ghlac sè ’n a uchd iad, agus chuir se a lamhan orra, agus bheannuich se iad. ¶ An deidh an Soisgeul a leaghadh, ni a Ministeir an earrail ghaoirid so air briathraibh an t-Soisgeil. A Mhuintir ionmhuin, ann s an t-Soisgeul so tha sibh a’ cluinntin briathran ar Slanui’fhear Criosd, gu ’n d’ àithn è clann a thoirt d’ a ionsuidh; cionnas a chronuich è an dream leis am b’ àil an cumail uaithe: cionnas a theagaisg è do na h-uile dhaoine an neimh-chiontachd a leanmhuin. Tha sibh faicsin mar a leig è ris a dheagh thoil d’ an taoibh le ghiulan agus le dheaneadas o ’n leath a’ muigh; oir ghabh se iad ’n a ultaich, chuir è lamhan orra, agus bheannuich se iad. Air an aobhar sin na cuiribh se ann teagamh, ach creidibh gu dùrachdach, gu n-gabh è mar an ceudna an Naoidhean so ata lathair gu fabharach, gu n glac se è le gairdinibh a throcair, gu n-toir è dha bheannuchadh na beatha shiorruidh, agus gu n-toir è dha co-pairt d’ a rioghachd bhith-bhuan. Uime sin air bhi dhuinn-ne mar so deirbhte, do dheagh rún ar n-Athar neamhuidh a thaobh an naoidhean so, a dh’ fhoillsich è le Mhac Josa Criosd, agus air bhi dhuinn gun amharas air bith gu n gabh se gu fàbharach r’ ar n-obair charthanaich, ann an tabhairt an Naoidhean so chum a bhaiste naomha [TD 221] san, thugamaid buidheachas dha gu creidmheacdhagus gu crabhach, agus abra’maid, A Dhe uile chumhachdaich agus bhith bhuan, Athair neamhuidh, bheir sinn buidheachas umhla dhuit, air son gu ’n d-aontuich thu ar gairm gu eolas do ghràs agus creidimh ann-ad; meaduich an t’eolas so, agus daingnich an creidimh so annain gu bràth. Thoir do Spiorad Naomh do ’n naoidhean so, chum gu ’m bi se air ath-bhreith, agus air a dheanamh na oighre air slainte bhith-bhuan, trid ar Tighearna Josa Criosd, ata beo agus a’ riaghladh maille riut-sa agus ris an Spiorad Naomh, nis agus gu siorruidh. Amen. ¶ An sin labhruidh an Sagart ris na h-Oidichibh agus ris na Muimeachaibh air an doigh so: A Chairdibh ro ghradhach, thug sibh an leanabh so ann so chum a bhaisteadh, ghuidh sibh gu ’n aontaicheadh ar Tighearn Josa Criosd a ghabhail è, gu’n tugadh è fuasgladh dha o pheacaidh, gu naomhuicheadh se è leis an Spiorad Naomh, gu n-tugadh è dha rioghachd neamh, agus a bheatha mhairtheanach. Chuala sibh mar an ceudna gu’n do gheall ar Tighearn Josa Criosd ann a Shoisgeul na nithe sin uile a thoirt seachad air son an d’ rinn sibh urnuigh; ni eisin an gealla so a chumail agus a choi’lionadh gu ro chinnteach air a thaobh fein. Uime sin an lorg a ghealla so a rinn Criosd, feumaidh a naoidhean so mar an ceudna a ghealtain’ gu firineach air a thaobh fein, leibh-se ata n’ ar n-urasaibh air (gus an tig è gu h-aois an gabhail air fein) gu ’n cuir è cùl ris an diobhal agus ra uil’ oibre, agus gu ’n creid è focal naomh De gu bunailteach, agus gu ’n coimhid sè aitheantan gu h-umhla. Air an aobhar sin dh fheoruichim. AM bheil thusa ann ainm an leanibh so a cuir cùl ris an diobhal agus ri’ uil’ oibre, ri greadhnachas agus gloir dhiaamhain an t-saoghail, maille ri’ uile thograibh sanntach, agus mianaibh colnach no feola, air doigh nach lean thu iad, agus nach bi thu air do threorachadh leo? Freag. Tha mi a cuir cùl riu uile. [TD 222] Ministeir. AM bheil thu creidsin ann Dia an t-Athair uile chumhachdaich, Cruithfhear neamh agus talmhuin? Agus ann Josa Criosd aon ghin Mhic-sin, ar Tighearn? Agus gu n do ghabhadh è leis an Spiorad Naomh; gu ’n d’ rugadh è leis an Oigh Muire; gu ’n d’ fhulaing è fo Phontius Pilat, gu ’n do cheusadh é, gu ’n d’ fhuair è bàs agus gu ’n d’ adlaiceadh è; gu ’n deach è sios do dh-Ifrionn, agus mar an ceudna gu ’n d’ èirich è rithist an treas la; gu ’n deachaidh è suas air neamh, agus gu bheil sè na shuidhe air deas lamh Dhe an t-Athair uile chumhachdaich; agus gu ’n tig se a’ sin a ris aig deireadh an t-saoghail, a thoirt breith air bheoaibh agus air mharbhaibh? Agus am bheil thusa creidsin ann san Spiorad Naomh: An Eaglais Naomh choitchionn: Co-chomunn nan Naoimh; Maitheanas peacaidh; Eis-eirigh na Colla; agus a bheatha mhairtheanach an deigh a bhàis? Freag. Tha mi creidsin so uile gu diongalta. Ministeir. AN aill leat do bhaisteadh ann sa’ chreidimh so? Freag. ’S ail leam. Ministeir. MA seadh, an coimhid thu gu h-umhla toil naomh agus aitheanta Dhe, agus an siubhail thu ann-ta feadh uile laithe do bheatha? Freag. Coimhid mi. ¶ An sin their an Sagart. O Dhe thròcairich, deonnich gu ’m bi an sean Adhamh ann san leanabh so air adhlacadh, air doigh gu ’m bi an duine nuadh air a thogail suas ann. Amen. Deonuich gu ’m bàsuich gach anamhian feolar an taobh stigh dheth, agus gu m bi gach uile nithe a bhuinneas do ’n Spiorad beo agus a’ fas suas ann. Amen. [TD 223] Deonuich dha cumhachd agus neart gu buaigh bhi aige, agus caithream-buaigh a thoirt an aghaidh an diobhail, an t-saoghail, agus na feola. Amen. Deonuich co air bith ata ann so a thugadh suas dhuit le ’r n-oifig agus le ’r ministrealachd, gu ’m bi se mar an ceudna air a lionadh le subhailcibh neamhuidh, agus gu’m faigh se tuarasdal siorruidh, trid do thròcair-se, O Thighearna Dhe bheannuichte, ata beo agus a’ riaghladh nan uile nithe saoghal gun chrich. Amen. A Dhe uile chumhachdaich mhairtheanuich, b’ è do Mhac ro ghràdhach Iosa Criosd, a dhòirt amach as a’ thaobh ro phrìscil uisg’ agus fuil, chum maitheanas ar peacaidh-ne, agus a thug àithne d’ a dheisciobluibh, gu ’n rachadh iad a theagasg nan uile chinneach, agus g’ am baisteadh, ann ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid naoimh, tha sinn a’ guidhe ort, gu’n eisdeadh tu re achanuichibh do choi’thionail; naomhuich an t-uisge so chum nigheadh diamhair air falbh peacaidh; agus deonuich gu m-faigh an leanabh so, ata gu bhi air abhaisteadh ann air an ám so, iom- laineachd do ghrais, agus gu ’m bi è gu brath ann àireamh do chloinne firinich agus taoghta, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin gabhaidh an Sagart an leanabh ann a lamhaibh, agus their e ris na h-oideachaibh agus ris na Muimeachaibh, Ainmichibh an leanabh so. Agus an sin ag radh an ainm nan deigh (ma dhearbhas iad gu m feud an leanabh fhulang gu maith) tumaidh se e sann uisge gu seolta agus gu faiciolach ag radh, N. Tha mi ’ga d’ bhaisteadh ann ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen. ¶ Ach ma dhearbhas iad gu bheil an leanabh anmhunn, foghnaidh uisge a dhortadh air, ag radh nam briathra a labhradh roimhe. N. Tha mi ’ga d’ bhaisteadh ann ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen. [TD 224] ¶ An sin their an Sagart. THA sinn a’ gabhail a’ steach an leanabh so ann coi’thional treud Ghriosd, agus tha sinn ga comhrachadh le comharadh na croise, mar chomharadh nach bi nair air an deigh so chreideamh Chriosd air a cheusadh aideachadh, agus cogadh gu misneachail fo bhratuich, an aghaidh peacaidh, an t-saoghail, agus an diabhoil; agus buanachadh e na shaighd-fhear agus na sheirbheiseach firineach do Chriosd gu crioch a bheatha. Amen. Ann so ni an Sagart crois air aghaidh an leinibh. An sin their an Sagart. A bhraithre ro ghràdhach, do bhri a nis gu bheil an leanabh so aith ghinnte agus air shuidheachadh ann an corp eaglais Chriosd, thugamaid buidheachas do ’n Dia uile chumhachdaich air son nan sochairean so, agus deanamaid urnuigh ris le aon inntin, gu n-caith an leanabh so a chuid eile ga bheatha a reir an toisich so. An sin air bhi dhoibh uile air an gluinibh, a deirear. AR n-Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith duinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. An sin their an Sagart. BHeir sinn buidheachas dhuit o ar cridhe, Athair ro throcaireach, do bhri gu m bi do thoil a’ naoidhean so ath-gheinmhin le do Spiorad Naomh, a ghabhail mar dhuine cloinne dhuit fein le uchd-mhacachd, agus a dheanamh na bhall do d’ eaglais naomh. Agus tha sinn a’ guidhe ort gu h-umhla gu ’n deonuicheadh tu, air bhi dha marbh do pheaca agus beo do fhireantachd, agus air bhi dha adhlaicte maille ri Criosd ’na bhàs, gu ’n cèus è ’n seann duine, agus gu ’n cuir è cùl gu tur ri corp a pheacaidh gu h-iomlan, agus mar ata sè air [TD 225] a dheanamh na co-pairt bhàs do Mhic, gu ’m bi è mar an ceudna copairteach d’ a eiseirigh: chum fa-dheoidh gu m bi è na oighre air do rioghachd shiorruidh, maille ris a chuid eile do d’ eaglais naomh, tre Chriosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin air dhoibh bhi uile nan scasamh, their an Sagart ris na h-oideachaibh agus ris na muimeachaibh an earail so a leanas. DO bhri gu n do gheall an leanabh so leibh-se ’ta na ’r n-urrasaibh air, gu ’n cuireadh è cùl ris an diabhal agus ri uil’ oibre, gu ’n creideadh è ann Dia, agus gu ’n deanadh è seirbheis dha; feumaidh sibhse a chuimhneachadh gur h-è bhur gnothach fein, agus gu bheil è mar fhiachaibh oirbh a thoìrt fai’near, co luath a ’s ata an leanabh so comasach air foghlam gu ’n d’theid a theagasg dha, ciod a mhòid sholuimte, ann gealla agus an aidmheil a rinn è ann so leibhse. Agus a chum gu ’m biodh fios na ’s fearr aige air na nithe-sin, gairmidh sibh air a dh’ eisdeach searmoineadh: agus gu h-àraid bheir sibh airre gu n-iunnsuich è a Chreud, Urnuigh an Tighearna, agus na deich àitheantan ann sa’ chaint chumainte, agus gach uile nithe eile bu choir do Chriosduigh sios do bhi aig orra, agus a chreidsin gu slainte anama; agus a chum gu m bi an leanabh so air altrum suas gu subhailceach a chum beatha dhiaghaidh Chriosduidh do chaitheadh; a’ cuimhneachadh do ghna gu bheil am baiste a’ taisbeanadh dhuinn, ar n-aidmheil, eadhon eisimpleir ar Slanui’fhear Criosd a leantuin, agus a bhi air ar deanamh cosmhuil ris, chum mar a bhasuich eisin agus mar a dh’ eirich a ris air ar soin-ne: mar sin gu m bu choir dhuinne ata air ar baiste basuchadh o pheaca, agus eirigh a ris a chum fireantachd, do ghna a’ marbhadh ar n-uile ainmhianna olc agus truaillidh, agus a’ dol air ar n-aghaidh gach la s-ann uile shubhailc, agus diaghachd beatha. ¶ Cuiridh se ri sin, agus their e. IS coir dhuibh airre a thoirt gu ’m bi ’n leanabh so air a thoirt a dh’ ionsuidh an Easbuig gu bhi air a dhaingneachadh leis [sa chreideamh] co luath ’s as-urrain è a Chreud, Urnuigh an Tighearn, agus na deich aitheantan a radh, ann sa chaint chumainte, agus air a theagasg ann leabhar ceist na h-eaglais a chuireadh a mach a chum na criche fin. [TD 226] IS ni cinnteach le fócal De, gu bheil clann a gheabh bas an deigh am baisteadh, mu ’n dean iad peaca gniomh air bith, gun teagamh air an sabhaladh. A chum gach amharas a thoirt air falbh a thaobh gnathachadh comhthara na croise ann sa bhaisteadh; seudar fir-mhineachadh na cuis na reusan cheart air son a cumail fhaicsin ann san xxx Canoin, a chuireadh a mach air thùs s ann M.DC.IV. Frithealadh BAISTE UAIGNEACH CLOINNE ann TIGHIBH. ¶ BHEIR Ministeir gach sgireachd fios gu minic do ’n phobull, gun dail do chuir am baiste an cloinne na ’s faide na ’n ceud, no an dara Domhnach an deigh am breith, no la naomh eile, a thachras eatora, mur bi aobhar mor agus reusanta ann, ris an gabh a’ ministeir. ¶ Agus mar an ceudna bheir iad rabhadh dhoibh, nach iarr iad an clann a bhaisteadh aig an tighibh, mur bi reusan agus feum mor air. Ach a nuair a’s eigin doibh sin a dheanamh, an sin bidh am baisteadh air a fhrithealadh air an do;gh so, ¶ An toiseach deanadh ninisteir na sgireachd (no mur bi eisin a lathair, ministeir laghail air bith eile a dh’ fheudar fhaghail) maille riu-san ata lathair, gairm air Dia, agus abradh iad urnuigh an Tighearna, agus urrad do na h-urnuighean a dh’ orduicheadh roimhe an riaghailt a bhaisteadh fhollasaich, a ’s a cheaduicheas an t-am agus am feum ata lathair. Agus an sin air do’n leanabh bhi air ainmeachadh le neach eigin do na tha lathair, dortuidh a Ministeir uisge air, ag radh nam briathra so; N. Tha mi ’ga d’ bhaisteadh ann ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen. [TD 227] ¶ An ûn air sleachda fios doibh uile, bheir a’ Ministeir buidheachas do Dhia agus their e. BHeir sinn buidheachas dhuit o ar cridhe, Athair ro thròcaireach, do bhri gu m bi do thoil a’ naoidhean so aith-gheinmhin le do Spiorad Naomh, a ghabhail mar dhuinne cloinne dhuit fein le uchd-mhacachd, agus a dheanamh na bhall do d’ eaglais naomh. Agus tha sinn a’ guidhe ort gu h-umhla gu ’n deonuicheadh tu, air bhi dha marbh do pheaca agus beo do fhireantachd, agus air bhì dha adhlaicte, maille ri Criosd ’na bhàs, gu ’n cèus è ’n seann duine, agus gu ’n cuir è cùl gu tur ri corp a pheacaidh gu h-iomlan, agus mar ata se air a dheanamh na chopairteach do bhàs do Mhic, gu ’m bi è mar an ceudna copairteach d’a eiseirigh, chum fa-dheoidh gu m bi è na oighre air do rioghachd shiorruidh, maille ris a chuid eile do d’ eaglais naomh, tre Chriosd ar Tighearna. ¶ Agus na cuirreadh iad an umhail nach ’eil ’an leanabh ata air a bhaisteadh mar sin gu laghail agus gu foghainteach air a bhaisteadh, agus cha bu choir a bhaisteadh a ris. Ach gidheadh ma bhios an leanabh ata air a bhaisteadh mar so beo an deigh laimhe, is coir a thoirt a dh’ ionsuidh na h-eaglais, chum agus ma se ministeir ’na sgireachd sin fein a bhaist an leanabh sin, gu ’m faigh an coi’thional fios air an fhior riaghailt baisti, a ghnathaich roimh os iosal; ann so chas sin their e mar so, THA mi ’g inseadh dhuibh, gu ’n do bhaisteadh an leanabh so air a leithid so dh-àm, agus ann leithid so do dh-àite, ann lathair na h-urad do dh-f hianuisibh a reir ordugh iomchuidh mar tha ’n eaglais aig iarrudh. ¶ Ach ma bhaisteadh an leanabh le ministeir laghail air bith eile; an sin ceasnuiehidh agus feachuidh ministeir na sgireachd ann san d’ rugadh, no ann sa bhaisteadh an leanabh, an rabh an leanabh air a bhaisteadh gu laghail no nach rabh. Agus ma fhreagras an dream a bheir an leanabh dh’ ionsuidh na h eaglais, gu ’n do bhaisteadh an leanabh cheana, an sin ceasnuichidh a ministeir iad na ’s faide, ag radh, CO bhaist an leanabh so? Co bha lathair a nuair a bhaisteadh an leanabh so? Do bhri gu ’m feud cuid do nithibh a bhuinneas do natar na sacramaint so a bhi air an leagail seachad tre eagal no tre cabhaig ann aimsiribh cruadalach; air an aobhar sin feoruichim dhibh, a ris, [TD 228] Ciod a’ ni leis an do bhaisteadh an leanabh so? Ciod na focail leis an do bhaisteadh an leanabh so? ¶ Agus ma thuigeas a ministeir le freagra’ na muintir a thug an leanabh leo, gu ’n d’ rinneadh gach ni mar bu choir an deanamh; an sin cha bhaist e an leanabh a ris, ach gabhuidh se e mar aon do threud an fhior shluaigh chriosduigh, ag radh mar so, THa mi ’g innseadh dhuibh, gu bheil na h-uile ni deanta gu maith sa chuis so, agus a reir deagh ordugh, a thaobh baisteadh an leinibh so; neach do rugadh ann am peaca geinneadh, agus am feirg Dhe, ach a nis tre ionlad na h-aith-gheineamhuin ann sa bhaiste, ata air a ghabhail ann aireamh cloinn De, agus oighreachan na beatha shiorruidh; oir cha duilt ar Tighearn Josa Criosd a ghras agus a throcair do naoidheanaibh mar so, ach ata se ’g an gairm d’a ionsuidh gu ro ghradhach, mar ata an soisgeul naomh a’ dearbhadh a chum co-fhurtachd dhuinn-e air an doigh so. An Soisgeul. Mharc. x. 13. THug iad clann og a dhionnsuidh Criosd, cum’s gu ’m beanadh sè riu; agus chronuich a dheisciobuil a’ mhuintir a thug leo iad. Ach an uair a chunnairc Josa sin, bha è ro-dhiomach, agus a dubhairt se riu, Leigibh do na leanbuibh teachd a’ m’ ionnsuidhs’, agus na bacuibh iad; oir is ann d’ an leithidibh ata rioghachd Dhe. Gu deimhin a deirim ribh, Ge b’e neach nach gabh rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach d’theid sè a steach innte. Agus ghlac sè ’n a uchd iad, agus chuir se a lamhan orra, agus bheannuich se iad. A Mhuintir ionmhuin, ann s an t-Soisgeul so tha sibh a’ cluinntin briathran ar Slanui’fhear Criosd, gu ’n d’ aithn è clann a thoirt d’ a ionsuidh; cionnas a chronuich è an dream leis am b’aill an cumail uaithe; cionnas a theagaisg è do na h-uile dhaoine an neimh-chiontachd a leanmhuin. Tha sibh faicsin mar leig è ris a dheagh thoil d’ an taoibh le ghiulan agus le dheanadas o ’n leath a’ muigh; oir ghabh se iad na ultaich, chuir è lamhan orra, agus bheannuich se iad. Air an aobhar sin na cuiridh se ann teagamh, ach creid- [TD 229] ibh gu durachdach, gu n gabh è mar an ceudna an Naoidhean so ata lathair gu fabharach, gu n glac se è le gairdinibh a throcair, gu n-toir è dha bheannuchadh na beatha shiorruidh, agus gu n-toir è dha co-pairt d’ a rioghachd bhith-bhuan. Uime sin air bhi dhuin-ne mar so deirbhte do dheagh rùn ar n-Athar neamhuidh a thaobh a naoidhean so, a dh’ fhoillsich è le Mhac Josa Criosd, agus air bhi dhuinn gun amharas air bith cinnteach gun gabh se gu fabharach r’ ar n-obair charthanaich, ann an tabhairt an Naoidhean chum a bhaiste naomha san, thugamaid buidheachas dha gu creidmheacdh agus gu crabhach, agus abra’maid, AR n-Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeach do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar dheantair air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith dhuinne ar ciontaibh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. A Dhe uile chumhachdaich agus bhith bhuan, Athair neamhuidh, bheir sinn buidheachas umhla dhuit, air son gu ’n d-aontuich thu ar gairm gu eolas do ghràs agus creidimh ann-ad; meaduich an t’eolas so, agus daingnich an creidimh so annain gu bràth. Thoir do Spiorad Naomh do ’n naoidhean so, chum gu ’m bi se air ath-bhreith, agus air a dheanamh na oighre air slainte bhith-bhuan, trid ar Tighearna Josa Criosd, ata beo agus a’ riaghladh maille riut-sa agus ris an Spiorad Naomh, nis agus gu siorruidh. Amen. ¶ An sin feoruichidh an Sagart ainm an leinibh agus a nuair a dh’ innsear an t ainm, their a Ministeir, AM bheil thusa ann ainm an leinibh so a cuir cùl ris an diobhal agus ri’ uil’ oibre, ri greadhnachas agus gloir dhiaamhain an t-saoghail, maille ri’ uile thograibh sanntach, agus mianaibh colnach na feola, air doigh nach lean thu iad, agus nach bi thu air do threorachadh leo? Freag. Tha mi a cuir cùl riu uile. [TD 230] Ministeir. AM bheil thu creidsin ann Dia an t-Athair uile chumhachdach, Cruithfhear neamh agus talmhuin? Agus ann Josa Criosd aon ghin Mhic-sin, ar Tighearn? Agus gu n do ghabhadh è leis an Spiorad Naomh; gu ’n d’ rugadh è leis an Oigh Muire; gu ’n d’ fhulaing è fo Phontius Pilat, gu ’n do cheusadh é, gu ’n d’ fhuair è bàs agus gu ’n d’ adhlaiceadh è; gu ’n deach è sios do dh-Ifrionn, agus mar an ceudna gu ’n d’ èirich è rithist an treas la; gu ’n deachaidh è suas air neamh, agus gu bheil sè na shuidhe air deas lamh Dhe an t-Athair uile chumhachdaich; agus gu ’n tig se a’ sin a ris aig deireadh an t-saoghail, a thoirt breith air bheoaibh agus air mharbhaibh? Agus am bheil thusa creidsin ann san Spiorad Naomh: An Eaglais Naomh choitchionn: Co-chomunn nan Naoimh; Maitheanas peacaidh; Eis-eirigh na Colla; agus a bheatha mhairtheanach an deigh a bhàis? Freag. Tha mi creidsin so uile gu diongalta. Ministeir. MA seadh, an coimhid thu gu h-umhla toil naomh agus aitheanta Dhe, agus an siubhail thu ann-ta feadh uile laithe do bheatha? Freag. Coimhid mi. ¶ An sin their an Sagart. THA sinn a’ gabhail a’ steach an leanabh so ann coi’thional treud Chriosd*, agus tha sinn ga comharachadh le comharadh na croise, mar comharadh nach bi nair air an deigh so creideamh Chriosd air a cheusadh aideachadh, agus cogadh gu misneachail fo bhratuich, an aghaidh peacaidh, an t-saoghail, agus an diabhoil; agus buanachadh na shaighd-fhear agus na sheirbheiseach firineach do Chriosd gu crioch a bheatha. Amen. * Ann so ni an Sagart crois air aghaidh an leinibh. ¶ An sin their an Sagart. A Bhraithre ro ghradhach, do bhri a nis gu bheil an leanabh so aith ghinnte agus air a shuidheachadh ann an corp eaglais Chriosd, thugamaid buidheachas do ’n Dia uile chumhach- [TD 231] dach air son nan sochairean so, agus deanamaid urnuigh ris le aon inntin, gu n-caith an leanabh so a chuid eile da bheatha a reir an toisich so. ¶ An sin their an Sagart. BHeir sinn buidheachas dhuit o ar cridhe, Athair ro throcairach, do bhri gu m bi do thoil a’ naoidhean so aith-gheinmhin le do Spiorad Naomh, a ghabhail mar dhuine cloinne dhuit fein le uchd-mhacachd, agus a dheanamh na bhall do d’ eaglais naomh. Agus tha sinn a’ guidhe ort gu h-umhla gu ’n deonuicheadh tu, air bhi dha marbh do pheaca agus beo do fhireantachd, agus air bhi dha adhlaicte maille ri Criosd ’na bhas, gu ’n ceus è ’n seann duine, agus gu ’n cuir è cûl gu tur ri corp a pheacaidh gu h-iomlan, agus mar ata se air a dheanamh na copairteach do bhàs do Mhic, gu ’m bi è mar an ceudna copairteach d’a eiseirigh, chum fa-dheoidh gu m bi è na oighre air do rioghachd shiorruidh, maille ris a chuid eile do d’ eaglais naomh, tre Chriosd ar Tìghearna. ¶ An sin air dhoibh bhi uile nan seasamh, their an Sagart ris na h-oideachaibh agus ris na muimeachaibh an earail so a leanas. DO bhri gu n do gheall an leanabh so leibh-se ’ta na ’ar n-urrasaibh, gu ’n cuiridh è cul ris an diabhal agus ri uil’ óibre, gu ’n creideadh è ann Dia, agus gu ’n deanadh e seirbheis dha; feumaidh sibhse a chuimhneachadh gur h-e bhur gnothach fein, agus gu bheil e mar fhiachaibh oirbh a thoirt fainear, co luath a’s ata an leanabh so comasach air foghlam, gu ’n d’ theid a theagasg dha, ciod a mhoid sholaimte, an gealla agus an aidmheil a rinn e ann so leibh-se. Agus a chum gu ’m biodh fios na ’s fearr aige air na nithe-sin, gairmidh sibh air a dh’ eisdeachd searmoineadh; agus gu h-araid bheir sibh airre gu n iunnsuich e a Chreud, Urnuigh an Tighearna, agus na deich aitheantan ann fa’ chaint chumainte, agus gach uile nithe eile bu choir do chriosduigh fios do bhi aig orra, agus a chreidsin gu slainte anama; agus a chum ga m bi an leanabh so air aldram suas gu subhailceach a chum beatha dhiaghaidh Chriosduidh do chaitheadh; a’ cuimhneachadh do ghna gu bheil am baiste a’ taisbeanadh dhuinn, ar n-aidmheil, [TD 232] eadhon eisimpleir ar Slanui’fhear Criosd a leantuin, agus a bhi air ar deanamh cosmhuil ris: chum mar a bhasuich eisin agus mar a dh’eirich e ris air ar soin-ne: mar sin gu m bu choir dhuinne ata air ar baiste basuchadh o pheaca, agus eirigh a ris a chum fireantachd, do ghna a’ marbhadh ar n-uile ain-mhianna olc agus truaillidh, agus dol air ar n aghaidh gach la s-ann uile shubhailc, agus diaghachd beatha. ¶ Ach ma bheir an dream a thig leis an leinibh chum na h-eaglais, freagradh co neo-chinnteach do cheistibh an t-Sagairt, a ’s nach eil dearbha’ gu ’n do bhaisteadh an leanabh le h-uisge ann ainm an Athar, a Mhic, agus an Spioraid Naoimh, (nithe a bhuinneas gu sonruichte do ’n bhaiste) an sin baisteadh an Sagart e a reir na riaghailt a dh’ orduicheadh roimhe air son baiste follasach an leanaban. Ach an am tumadh an leinibh ann san tobar bhaiste, gnathuichidh se na briathra so. MUR ’eil thu air do bhaisteadh a cheanna, N. Tha mise ’ga do bhaisteadh ann ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen. [TD 233] FRITHEALADH a BAISTE do’n mhuintir a a thig gu h-aois agus a’s urrain freagradh air an son fein. ¶ A Nuair a bhios dream a thainig gu h-aois gu bhi air am bhaisteadh, bheir an aithrichean no daoine ciallaich eigin eile fios do ’n Easbuig, no do ’n ti a dh’ orduicheas e chum na criche sin, air a chuid a ’s lugha seachd’uin roimh an am; chum ’s gu gabhta curam dleasdanach mu ’n ceasnuchadh, am bheil iad gu leor air an teagasg ann (priamh) phoncaibh a chreidimh Criosduigh; agus a chum earail a thoirt orra iad fein ullachadh le h-urnuighibh agus le trosg a chum an t-sacrament naomh so ghabhail. ¶ Agus mu gheabhar iomchuidh iad, air bhi do’n phobull cruinighte la orduighte Sabaid no feile, bithidh na h oideachan agus na muimeachan ullamh chum an taisbean aig an tobar bhaiste air ball an deigh an dara leasan, an dara cuid aig urnuigh maidin no feascair, a reir mar chi an Sagart ceart agus iomchuidh. ¶ Agus air bhi dhoibh nan seasamh ann sin, feoruichidh an Sagart, cia achd ata neach air bith do ’n dream ata lathair ann so air am baisteadh, no nach ’eil; ma fhreagras iad, cha n’ eil: an sin their an Sagart mar so, A Mhuintir ionmhuin; do bhri gu bheil na h-uile dhaoine air an gineadh agus air am breith ann am peaca, (agus a nì sin ata air a bhreith o ’n fheoil gur feoil è agus cha n-urrain iad-san ata s-ann fheoil Dia a thoileachadh, ach tha iad a’ caitheamh am beatha an peaca, a’ deanamh iomad peaca gniomha; agus gu bheil ar Slanui’fhear Criosd ag radh, Nach fead neach air bith dol a steach do rioghachd Dhe, mur bi è air ath-ghinmhuin agus air a nuaidh bhreith le uisge agus leis an Spiorad Naomh; guidhim oirbh gairm air Dia an t-Athair, trid ar Tighearna Josa Criosd, gu ’n tugadh è d’ a mhòr thròcair do ’n mhuintir so, a’ ni sin nach fheud a bhi aca thaobh Natuir, gu ’m bi sìad air an gabhail a steach do dh-eaglais Naomh Chriosd, agus gu ’m bi siad air a deanamh na buill bheo dh’ ì. [TD 234] ¶ An sin their an Sagart, Deanamaid Urnuigh. ¶ Agus ann sin theid an coi’thional uil’ air an gluinibh. A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, a shabhail le d’ mhòr thròcair Noa agus a theaghlach ann s an airc o ’n sgrios le h-uisge, agus mar an ceudna a threoruich do phobul fein clann Israil gu tearuinte tre a Mhuir ruaidh, leis sin a’ cialluchadh do bhaiste naomh: agus le baisteadh do Mhic ro ghràdhach Josa Criosd ann abhuinn Jordan, a naomhuich uisge chum nigheadh diamhair peacaidh air falbh; tha sinn a’ guidhe ort air son do throcairibh gun tomhas, gu n amhairc thu gu trocaireach air an dream so; ionlaid iad agus naomhaich iad le d’ Spioraid Naomh, chum air bhi dhoibh air an saoradh o t-fheirg, gu ’m bi siad air an gabhail steach ann airc eaglais Chriosd; agus air bhi dhoibh daingean ann creidimh, aoibhneach tre dochas, agus suidhighte ann gràdh, gu ’m fead iad dol tre thonnaibh an t-saoghail thrioblaidich so, chum gu ’n tig iad fa dheoidh gu talamh na beatha mairtheanaich; chum riaghladh ann sin maille riutsa, saoghal gun chrich, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. A Dhe uile chumhachdaich agus mhairtheanaich, comhnadh gach neach ata am feum, fear cuidicheadh gach neach a theicheas do t-ionsuidh air son cobhair, beatha gach uile neach a chreideas, agus ais-eirigh nam marbh; tha sinn a’ gairm or air son an dream so, chum air teachd dhoibh dh’ ionnsuidh do bhaiste naomh sa, gu ’m faigh siad maitheanas ann a pheacaidh tre aith-ghinmhuin spioradail. Gabh iad, O Thighearna, mar a gheall ù le do Mhac ro ghrádhach, ag radh, sirribh, agus bidh è agaibh; iarruidh, agus gheabh sibh; buailibh, agus bidh è air fhosgladh dhuibh; Mar sin tabhair dhuinne a nis ata ’g iarruidh; faighemide, ata a’ sirribh; fosgail an dorus dhuinn-ne ata bualadh; chum gu ’m fuigh an dream so beannuchadh siorruidh t-ionladh neamhuidh, agus gu ’n tig iad ionnsuidh na rioghachd shiorruidh, a gheall thu, tre Chriosd ar Tighearna. Amen. [TD 235] ¶ Ann sin seasmhaidh am pobull suas agus their an Sagart. Eisdihh briathra an t-soisgeil a sgriobh Ioin, s ann treas caibdeil a toiseach aig a’ cheud rann. BHa duine do na Phairsichibh, d’ am b’ ainm Nicodemus a bha ’n a uachdaran air na h Judhachaibh: Thainig eisean chum Josa san oidhche, agus a dubhairt sè ris, A mhaighisdir ata fhios againne gur fear-teagaisg thu a thainig o Dhia: oir cha ’n urradh duin’ air bith na miorbhuile so dheanamh, a’ta thus’ a’ deanamh, mur bi Dia maille ris. Freagair Josa agus a dubhairt sè ris, Gu deimhin, deimhin a deirim riut, mur beirthear duine a-rìs, nach fheudar leis rioghachd Dhe fhaicsin. A dubhairt Nicodemus ris, Cionnas a dh’ fheudas duine bhi air a bhreith ’n uair ata sè aodsa? am bheil é comasach air dol a stigh an dara uair do bhroinn a mhàthar, agus bhi air a bhreith? Fhreagair Josa, Gu deimhin, deimhin a deirim riut, mur bi duine air a bhreith o uisge, agus o ’n Spiorad, cha ’n urradh è dol a stigh do riogachd Dhe. An ni sin a ’ta air a bhreith o ’n fheoil, is feoil è; agus an ni sin at ’a air a bhreith o ’n Spiorad, is spiorad è. Na gabh iongantas gu ’n dubhairt mi riut, Is eigin duibh bhi air bhur breith a-rìs. ’Ta ghaoth a’ sèideadh far an àill leatha, agus ata thus’ a’ cluintin a fuaim, ach ni’m bheil fhios agad co as ata i teachd, no c ’àit’ ata i dol: is ann mar sin ata gach neach a’ta air a bhreith o ’n an Spiorad. ¶ An deigh sin their an Sagart an earail so a leanas. A Mhuintir ionmhuin, ann s an t-soisgeul so tha sibh a’ cluintin briathra soilleir ar Slanui’fhear Criosd, mur bi duine air a bhreith le h-uisge agus leis an Spiorad naomh nach urrain è dol a steach do rioghachd Dhe. Le so feaduidh sinn fhaicsin am feum mòr ata air an t-sacramaint so, far am feadar a faghail. Mar an ceudna air ball roimh dha dol suas air neamh (mar ata sinn a lèughadh sa’ chaibdeil dheirionnach do shoisgeil N. Mharc thug sè àithne d’a dheisciobluibh, ag radh, Rachaibh feadh an t-saoghail uile, agus searmonuichibh an soisgeul do gach uile chreatuir. An ti a chreideas agus ata air a bhaisteadh, sàbhailear è; ach an ti nach creid, bithidh se air a dhamnadh. Tha so mar an ceudna a feuchain dhuinn-ne an tairbhe mhòr a gheabh sinn leis (a bhaiste). Air an aobhar sin, an t-àm do bhi mòran air am bioradh n an’ cridhe, nuair a shearmonuich an t absdal Peadar an soisguel air tùs, agus [TD 236] a dubhairt iad ris agus ris a chuid ’eil do na na h-abstolaibh, A dhaoine agus a bhraithre, ciod è a ni sinn? fhreagar eisin agus thubhairt è riu, Deanuibh aithreachas agus bithibh air bhur baisteadh gach neach agaibh chum maitheanas peacaidh, agus gheabh sibh tiodlacadh an Spiorad naomh. Oir ata ’n gealladh dhuibh-se agus da ’r cloinn, agus dhoibhsin uile ata fad o laimh, eadhoin a mhead ’s a nì ’n Tighearna ar Dia-ne a ghairm. Agus le mòran bhriathran eile thug è earnal orra, ag radh, Sàbhailibh sibh fein o ’n droch ghinealach so. Oir (mar tha ’n t-abstal ceudna a’ deanamh fia’nuis ann àit eile) tha eadhoin ’m baiste ’g ar sàbhaladh a nise mar an ceudna (cha ’n è cur air falbh salachar na feola, ach freagradh deagh chogais a thaobh Dhe) le ais-eirigh Josa Criosd. Uime sin na cuiribh an umhail, ach creidibh gu dùrachdach, gu ’n gabh se an dream so ata làthair gu fàbharach, air dhoibh fior aithreachas a dheanamhh, agus teachd da ionsuidh, le creidimh; gu ’n tabhair è dhoibh maithea’nas nam peacaidh, gu m builich è orra an Spiorad naomh; gu n toir è dhoibh beannachadh na beatha shiorruidh, agus gu ’n dean sè iad nan luchd co-pairt d ’a rioghachd bhioth bhuan. Uime sin, air dhuinn-ne bhi mar so deirbhte mu dheagh thoil ar n-Athar neamhuidh do thaobh na muintir so, a dh’ fhoillsicheadh le Mhac Josa Criosd; thugamaid buidheachas dha gu creidmheach agus gu crabhach, agus abramaid, A Dhe uile chumhachdaich agus bhith-bhuan, Athair neamhuidh, bheir sinn buidheachas ùmhla dhuit, air son gu ’n d-aontuich thu ar gairm gu eolas do ghràs agus creidimh ann’ad, meaduich an t’eolas so, agus daingnich an creidimh so ann-ain gu brath. Thoir do Spiorad Naomh do ’n dream so, chum gu’m bi siad air an ath-bhreith, agus air a dheanamh na oighreachan air slainte bhith bhuan, trid ar Tighearna Iosa Criosd, ata beo agus a’ riaghladh maille riut-sa agus ris an Spiorad Naomh, nis agus gu siorruidh. Amen. ¶ An sin labhraidh an Sagart ris an dream ata chum am baisteadh air a mhodh so. A Mhuintir ionmhuin, a thainig ann so aig iarruidh am baiste naomh do ghabhail, chuala sibh mar a rinn an co-thional urnuigh, gu ma toil leis ar Tighearna Josa Criosd bhur gabhail agus bhur beannachadh, ar fuasgladh o bhur [TD 237] peacaidh, rioghachd neamh agus a bheatha mhairtheanach a thoirt dhuibh. Chuala sibh mar an ceudna gu ’n do gheall ar Tighearn Josa Criosd ’na fhocal naomh, na nithe sin uile a thoirt seachad air son an d’ rinn finn urnuigh; agus ni eisin an gealla sin a choimhid agus a choi’lionadh gu ro chinteach air a thaobh fein. Air an aobhar sin, an deigh a ghealla so a rinn Criosd, feumaidh sibh-se mar an ceudna a ghealltain gu fìrineach an làthair na’r fia’nuisean, agus a cho-thionail so uile, gu ’n cuir sibh cùl ris an diabhal agus ri uil oibribh, agus gu ’n creid sibh gu bunailteach focal naomh Dhe, agus gu ’n coimhid sibh àitheanta gu h uramach. ¶ An sin feoruichidh a Ministeir do ’n dream ata gus am baisteadh fa leath na ceistean so a leanas. AM bheil thu cuir cùl ris an diabhol agus ri uil’ oibre, ri greadhnachas agus glòir dhiamhain an t-Saoghail, maille ri’ uile thograibh sanntach, agus mianaibh colnach na feola, air doigh nach lean thu iad, agus nach bi thu air do threorachadh leo? Freag. Tha mi a cuir cùl riu uile. Ministeir. AM bheil thu creidsin ann Dia an t-Athair uile chumhachdach, Cruithfhear neamh agus talmhuin? Agus ann Iosa Criosd aon ghin Mhic-sin, ar Tighearn? Agus gu n do ghabhadh è leis an Spiorad Naomh; gu ’n d’ rugadh è leis an Oigh Muire; gu ’n d’ fhulaing è fo Phontius Pilat, gu ’n do chèusadh è, gu ’n d’ fhuair è bàs agus gu ’n d’ adhlaiceadh è; gu ’n deach è sios do dh-Ifrionn, agus mar an ceudna gu ’n d’ èirich è rithist an treas la; gu ’n deachaidh è suas air neamh, agus gu bheil sè na shuidhe air deas lamh Dhe an t-Athair uile chumhachdaich; agus gu ’n tig se ’a sin a ris aig deireadh an t-saoghail, a thoirt breath air bheoaibh agus air mharbhaibh? Agus am bheil thu creidsin ann san Spiorad Naomh: An Eaglais naomh choitchionn; Co-chomunn nan Naoimh; Maitheanas peacaidh; Eis-eirigh na Colla; agus a bheatha mhairtheanach an deigh a bhàis? Freag. Tha mi creidsin so uile gu diongalta. [TD 238] Ministeir. AN aill leat do bhaisteadh ann sa’ chreidimh so? Freag. ’S aill leam. Ministeir. MA seadh, an coimhid thù gu h-umhla toil naomh agus àithneanta Dhe, agus an siubhail thù ann-ta feadh uile laethe do bheatha? Freag. Coimhid mi. ¶ An sin their an Sagart. O Dhe thròcairich, deonnich gu ’m bi an sean Adhamh ann san dream so air adhlacadh, air doigh gu ’m bi an duine nuadh air a thogail suas ann. Amen. Deonuich gu ’m bàsuich gach anamhian feolar an taobh stigh dhuibh, agus gu m bi gach uile nithe a bhuinneas do ’n Spiorad beo agus a’ fas suas ann ta. Amen. Deonuich dhoibh cumhachd agus neart gu buaigh bhi aca, agus caithream-buaigh a thoirt an aghaidh an diobhail, an t-saoghail, agus na feola. Amen. Deonuich air bhi dhoibh air an tabhairt suas dhuitse ann so le ’r n-oifig agus le ’r ministrealachd, gu ’m bi siad mar an ceudna air a lionadh le subhailcibh neamhuidh, agus gu’m faigh siad tuarasdal siorruidh, trid do thròcair-se, O Thighearna Dhe bheannuichte, ata beo agus a’ riaghladh nan uile nithe saoghal gun chrich. Amen. A Dhe uile chumhachdaich, mhairtheanuich, b’ è do Mhac ro ghràdhach Iosa Criosd, a dhòirt amach as a’ thaobh ro phrìseil uisg’ agus fuil, chum maitheanas ar peacaidh-ne, agus a thug àithne d’ a dheisciobluibh, gu ’n rachadh iad a theagasg nan uile chinneach, agus g’ am baisteadh, ann ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid naoimh, tha sinn a’ guidhe ort, gu’n eisdeadh tu re achanuichibh a choi’thionail so; [TD 239] naomhuich an t-uisge so chum nigheadh diamhair air falbh peacaidh; agus deonuich gu m-faigh an dream ata gu bhi air a bhaisteadh ann air an ám so, iom-laineachd do ghrais, agus gu ’m bi iad gu brath ann àireamh do chloinne firinich agus taghta, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin gabhaidh an Sagart gach neach faileth ata r’a bhaiste air an lamh dheas, agus feoruich se an ainm do na h-oideachaibh agus na muimeachaibh, agus an sin tumaidh se sann uisge e, no dortadh se uisge air, ag radh, N. Tha mi ’ga d’ bhaisteadh ann ainm an Athar, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen. ¶ An sin their an Sagart. THA sinn a’ gabhail a’ steach an neach so ann coi’thional treud Chriosd, agus tha sinn ga comhrachadh le comharadh na croise, mar chomharadh nach bi nair air an deigh so creideamh Chriosd air a cheusadh aideachadh, agus cogadh gu misneachail fo bhratuich, an aghaidh peacaidh, an t-saoghail, agus an diabhoil; agus buanachadh na shaighd-fhear agus na sheirbheiseach firineach do Chriosd gu crioch a bheatha. Amen. Ann so ni an Sagart crois air aghaidh. ¶ An sin their an Sagart. A bhraithre ro ghràdhach, do bhri a nis gu bheil an dream so aith ghinnte agus air an suidheachadh ann an corp eaglais Chriosd, thugamaid buidheachas do ’n Dia uile chumhachdaich air son nan sochairean so, agus deanamaid urnuigh ris le aon inntin, gu n-caith iad a chuid eile da bheatha a reir an toisich so. ¶ An sin air bhi dhoibh uile air an gluinibh, a deirear. AR n-Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. [TD 240] Agus maith duinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. THa sin a’ toirt buidheachais umhla dhuit, O Athair neamhuidh gu ’n d’ aontuich thu sinn-ne a ghairm gu eolas do ghràis agus creidimh ann-ad; meaduich an t-eolas so, agus daingnich an creidimh so ann-ain gu bràth. Tabhair do Spiorad naomh do ’n mhuintir so, chum air bhi dhoibh a nis air an ath-bhreith, agus air an deanamh nan oighribh air slainte shiorruidh trid ar Tighearn Josa Criosd, gu ’m buanuich iad nan seirbheisich dhuit-se, agus gu ’m faigh iad (còir air) do gheallaidh, trid an Tighearn Josa Criosda do Mhac, ata beo agus riaghladh maille ruit-sa ann aonachd an Spioraid naoimh cheudna gu siorruidh. Amen. ¶ An sin air dhoibh bhi uile nan seasamh, gnathuichidh a’ Mhinisteir an earail so a leanas; a’ labhairt air thus ris na h-Oideachaibh agus ris na Muimeachaibh. DO bhri gu ’n do gheall a mhuintir so an bhur làthair, cùl a chuir ris an diabhol agus ri uil’ oibribh, creidsin ann an Dia, agus seirbheis a dheanamh dha; feumaidh sibh-se a chuimhneachadh gur h-è bhur gnothach agus bhur dleasdanas a chuir an cuimhne dhoibh, ciod ì a mhoid, an gealla, agus an aidmheil fhollasach a rinn iad air an ám so ann làthair a choi’-thionail so, agus gu h-àraid ann bhur làthair-se ata na ’r fia’nuisibh taghta aca. Agus gairmidh sibh orra mar an ceudna chum an uile dichioll a dheanamh gu bhi air an teagasg gu ceart ann am focal naomh Dhe, chum gu ’m fàs iad ann an gràs, agus ann eolas ar Tighearn Josa Criosd, agus gu ’n caith iad am beatha gu diaghaidh, fìrineach, agus gu measarra s an t saoghal so ’ta láthair. (¶ Agus a sin a’ labhairt ris a mhuintir ata air an ur bhaisteadh, theid e air aghaidh, agus their e,) AGus air bhur son-sa, a chuir air an àm so Criosd umaibh leis a Bhaiste, tha è mar fhiachaibh agus mar dhleas’nas oirbh-se mar an ceudna, air bhi dhuibh air bhur deanamh na ’r cloinn do Dhia, agus do ’n t-solus le creidimh ann Josa Criosd, siubhail a rèir bhur gairm chriosduigh, agus mar is [TD 241] cubhaidh do chloinn an t-soluis: a’ cuimhneachadh do ghna gu bheil am baiste a’ taisbeanadh dhuinn ar n-aidmheil; eadhon, eisiomplair ar Slanui’fhear Criosd a leantuin, agus a bhi air ar deanamh cosmhuil ris; ionnas mar a bhàsuich eisin, agus mar a dh’ eirich è a rìs air ar soinne; mar sin gur còir dhuinn-ne ata air ar baisteadh, bàsuchadh o pheaca; agus eiridh a rìs a chum fìreantachd, do ghna a’ marbhadh ar n-uile dhroch mhianna truaillidh, agus a’ dol air ar n-aghaidh gach la ann s gach subhailc agus diaghachd beatha. ¶ Tha e iomchuidh gu ’m biodh gach neach ata air am baisteadh mar so air an daingneachadh leis an Easbuig co luath an deigh am baisteadh ’s a bhios co’-throm air; chum gu ’m bi comas aige teachd a dh’ ionsuidh a chomanaich naomh. ¶ Ma bheirear dream air bith nach do bhaisteadh n-ann naoidheantachd, a chum am baisteadh mu ’n tig iad gu bliadhnaidh tuigse gu freagairt air an son fein; is leor feum a dheanamh do’n oifig air son baiste follasach naoidheana, no (ma bhios mor chunnart ann) do’n oifig air son baiste uaignaich, amhain aig mutha an fhocail (naoidhean) air son (leanabh no neach) mar ata chuis aig iarruidh. [TD 242] LEABHAR CHEIST; Se sin, Teagasg a dh’ fheumas gach neach fhoghlum, mun tig e gu bhi air a dhaingneachadh leis an Easbuig. Ceist. C’ AINM ata ort? F. N. no M. C. Co thug an t-ainm sin dhuit? F. M’ òideachan agus mo mhuimeachan ann mo bhaiste, ann s-an d’ rinneadh me a’ m’ bhall do Chriosd, a’ m’ leanabh do Dhia, agus a’ m’ oighre air rioghachd neamh. C. Ciod a rinn t-òideachan agus do mhuimeachan an sin air do shon? F. Gheall agus mhoidich iad tri nithe ann a m’ ainm. Air thùs gu ’n cuirinn cùl ris an diabhol agus rì uil oibre, rì greadhnachas agus rì diamhanas an t-saoghail aingidh so, agus uile ainmhianna peacach na feola. ’S ann dara àite, gu ’n creidin uile phonca na creideamh Chriosduidh. Agus s-ann treas aite, gu ’n coimhdin toil agus aitheanta naomha Dhe, agus gu ’n siubhlain ann-ta feadh uile làeth mo bheatha. C. Nach ’eil ù ’m barail gu bheil a dh’ fhiachaibh ort a chreidsin, agus a dheanamh, mar a gheall iad-san air do shon? F. Tha gu deimhin; agus le comhnadh Dhe, ni mi sin. Agus tha mi toirt buidheacheais o m’ chridhe d’ ar n-Athair neamhuidh, gu ’n do ghairm è mi dh’ ionsuidh staid so na slainte, trid Josa Criosd ar Slanui’fhear. Agus tha mi guidhe [TD 243] air Dia a ghràs a thoirt dhomh, chum gu ’m buanuich mi s-ann staid sin gu crioch mo bheatha. C. Aithris Poncan do chreideamh. Freagradh. CReidim ann Dia an t Athair uile chumhachdach, Cruithfhear neimh agus talmhain: Agus ann Josa Criosd aon Mhac san ar Tighearna; Neach a ghabhadh leis an Spiorad Naomha, A rugadh leis an Oigh Muire; A dh’ fhuiling so Phontius Pilat, Do cheusa, do fhuair bàs, do adhlaiceadh. Chaidh è sios do dh’ Ifrionn; Air an treas la Dh’ eirich è rìs o na mairbh, Chaidh è suas air neamh, agus ata sè na shuidhe air deas laimh Dhe, ’n Athair uile chumhachdaich; a’ sin thig è thoirt breith air bheothaibh agus air mharbhaibh. Creidim ann san Spiorad Naomh: an Eaglais Naomh choitchinn; Co-chomunn nan Naomh; Maitheanas na ’m peacanna; Aiseirigh na colla. Agus a bheatha mhairtheanach. Amen. C. Ciod tha thu foghlam gu sonnruichte ann poncaibh so do chreidimh? F. Air thùs, Tha mi foghlam creidsin an Dia an t-Athair, a rìnn mìse, agus an saoghal uile. S ann dara àite, ann Dia a Mac, a shaor mise, agus an cinne-daoine uile. S ann treas aite, ann Dia an Spiorad naomh, a naomhuicheas mise, agus pobull taghta Dhe gu h-iomlan. C. Thuirt ù gu ’n do gheall t-oideachan agus do mhuimeachan air do shon, gu ’n coimhdeadh tu àitheanta Dhe. Innis dhomh. cia lion àithne ’ta ann? F. Deich aitheanta. C. Creud iad? Freag. NA h-àitheanta sin a laibhair Dia s ann fhichidibh caibdoil do Exodus, ag radh, Is mise an Tighearna do Dhia, a thug thusa ’mach a’ talamh na h-Eiphte, a’ tigh na daorsa. I. Na biodh Dèe air bith eil agad ach mise. [TD 244] II. Na dean dhiut fèin dealbh snaidhte, no coslas ’sam bith a dh’aon ni, a ta ’sna neamhaibh shuas, no air an talamh shìos, no ’sna h-uisgeachaibh fuidh ’n talamh. No crom thu fèin sìos doibh, agus na dein seirbhis doibh: oir mis’ an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantuinn aingidheach nan aithreacha air a’ chloinn, gus an treas, agus an cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuaithaicheas mi; agus a’ nochdadh tròcair do mhìltibh dhiubhsan a gràdhaicheas mi, agus a choimhideas m’àitheanta. III. Na Tabhair ainm an Tighearna do Dhia ’an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neo chiontach esan a bhear ainm an dìomhanas. IV. Cuimhnich la na sabaid a naomhachadh. Se laithean saothraichidh tu, agus ni thu t’oibair uile. Ach air an t-seachdamh la tha sabaid an Tighearna do Dhè: air an la sin na dean obair ’sam bith, thu fein, no do mhac, no do nighean, d’ òglach, no do bhan-oglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a ta ’n taobh a stigh do d’ gheataibh: oir ann an sè laithibh rinn an Tighearna na nèamhan agus an talmamh, an fhairge, agus gach ni a ta annta; agus gabh è fois air an t-seachdamh la, agus naomaich sè è. V. Tabhair onoir do t’athair, agus do d’ mhathair; a chum as gu ’m bi do laithean buan air an fhearann a tha ’n Tighearna do Dhia a’ toirt dhuit. VI. Na dean mortadh. VII. Na dean adhaltrannas. VIII. Na dean gaduigheachd. IX. Na tabhair fianuis bhrège ’n aghaidh do choimhearsnaich. X. Na sanntaich tigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no òglach, no bhan-oglach, no dhamh, no asal, no aon ni a ’s le do choimhearsnach. C. Ciod ata thu foghlam gu sonnruichte leis na h-àitheantaibh so? F. Tha mi foghlam dà nì: mo dhleas’nas do Dhia, agus mo dhleas’nas do m’ choimhearsnach. C. Ciod è dó dhleas’nas do Dhia? F. ’S è mo dhleas’nas do Dhia creidsin ann, eagal-san a bhi orm, agus gràdh thoirt dha le m’ uile chridhe, le m’ uil’ inntin, le m’ uil’ anam, agus le m’ uile neart; aodhradh dheanamh dha; buidheachas thoirt dha, mo dhòchas gu h-iomlan a chuir ann, gairm air, Onair thoirt ga [TD 245] ainm naomh agus da fhocal; agus seirbheis a dheanamh dha gu fìrineach feadh uile laethibh mo bheatha. C. Ciod è do dhleas’nas do d’ choimhearsnách? F. S è mo dhleas’nas do m’ choimhearsnach, a ghràdhachadh mar mi fein, a dheanamh do na h-uile dhaoine mar bu mhaith leam iad-san a dheanamh dhomh-sa. Gràdh, onair, agus comhnadh thoirt do m’ Athair agus do m’ mhathair. Uram agus umhlachd do ’n Righ, agus do gach neach ata ann ughdaras fo. Gèileadh do m’ uachdaranaibh uile, mo luchd teagaisg, mo bhuachailean fpioradail agus mo mhàistirean. Mi fein a ghiulan gu h-iriosal agus gu h-uramach a thaobh gach neach is fearr na mi fein, gun chron a dheanamh do neach air bith le focal no gniomh. A bhi fìrineach agus ceart ann a m’ uile ghnothaichibh, gun mhi-ruin no fuath a bhi ann mo chridhe. Mo lamhan a chumail o spiolladh agus o ghaidichd, agus mo theangaidh o dhroch caint, o bhreugaibh agus o sgainnil. Mo chorp do chumhail a’ meassarachd, ann stuaim agus ann geamnachd. Gun bhi sanntachdh no mianachadh maoin dhaoin’ eile; ach a’ foghlam agus a’ saoithreachadh do rìreadh chum mo theachd antìr fein fhaghail gu h-onarach, agus mo dhleas’nas a dheanamh s-ann staid beatha sinn s-ann toil le Dia mo ghairm s-ann t-saoghal. Fear-ceasnuich. Mo leanabh maith, biodh fìos so agad, nach urrain thu na nithe so dheanamh uait fein, no suibhal ann àitheantaibh Dhe, agus seirbheis a dheanamh, dha gun a ghrás son ruichte fein, ni is eigin dhuit fhoghlam iarruidh gach uile ám le urnuigh dhùrachduich. Uime sin leig dhomh a chluintin an urrain thu urnuigh an Tighearna a radh. Freag. AR n’ Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith dhuinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. C. Ciod ata thu ’g iarruidh air Dia s-ann urnuigh so? F. Tha mi ’g iarruidh air mo Tighearna Dia, ar n-Athair neamhuidh, fear-tabhairt gach uile mhaitheas, a ghràs a chuir [TD 246] thugam-sa, agus a dh’ ionsuidh nan uile dhaoine, chum gu ’n toir sin aodhradh dha, seirbheis da, agus umhlachd dha mar bu chòir dhuinn a dheanamh. Agus tha mi guidhe air Dia, gu n-tabhair è dhuinn gach nì ata dh’ uireasbuidh oirn araon do thaobh ar n-anamaibh agus ar cuirp; agus gu ’m bi se tròcaireach dhuinn, agus gu ’m maith sè ar peacaidh dhuinn; agus gu ma toil leis ar gleidheadh agus ar dion ann s-gach uile chunnart spioradail agus corporra; agus gu ’n coimhid è sinn o gach peaca agus aingeachd, agus o ’r namhaid spioradail, agus o bhàs siorruidh. Agus tha dòchas agam gu ’n dean è so d’a thròcair agus d’ a mhaitheas, trìd ar Tighearna Josa Criosd. Agus air an aobhar sin a deirim Amen. Biodh è mar sin. Ceist. CIA lion sacramaint a dh’ orduich Criosd ann na eaglais? F. Da shàcramaint amhain, ata n-cumantas fèumail a chum slainte, ’s iad sin, baiste, agus suipeir an Tighearna. C. Ciod tha thu ciallachadh leis an fhocal so sacramaint? F. Tha mi cialluchadh comhthara faicsionach o ’n taobh a muigh air gràs spioradail o’n taobh a stigh, air a thoirt dhuinn-ne, air orduchadh le Criosd fein, mar mheadhon leis am faigh sinn an gràs sin, agus mar gheall ’g a dheanamh cinnteach dheth. C. Cia lion pàirt ata ann sacramaint? F. Da phàirt: An comhthara faicsionach o ’n leith a muigh, agus an grás spioradail ann taobh a stigh. C. Ciod è comhthara faicsionach o ’n leith a muigh no foirm a bhaiste? F. Uisge: ann s a’ bheil neach air a bhaisteadh ann aim an Athair, agus a Mhic, agus an Spioraid naoimh. C. Creud è an gràs spioradail ann taobh a stigh? F. Bàs do pheaca, nuadh bhreith fìrinteachd: oir air bi dhuinn air ar breith ann am peaca thaobh natuir, agus na ’r cloinn feirge, tha sinn le so air ar deanamh na ’r cloinn gràis. C. Ciod ata air iarruidh air dream bhios a chum am baisteadh? F. Aithreachas, leis an trèig iad peaca; agus creideamh, leis an creid iad gu seasmhach geallaidh Dhe a rinn s è dhoibh s ann t-sacramaint sin. [TD 247] C. C’ àir son ma seadh ata naoidheana air am baisteadh, nuair a thaobh an aois mhaoth nach urrain iad sin a choi’-lionadh? F. Do bhri gu bheil iad a gealtain an da chuid le ’n urrasaibh: agus a nuair a thig iad fein gu h-aois, tha dh’ fhiachaibh orra an gealla choi’lionadh. C. C’ air son a dh’ orduicheadh sacramaint suipeir an Tighearna? F. A chumail ghna chuimhne air iobairt bàis Chriosd, agus na sochairin ata sinn a’ faghail leis. C. Ciod a phàirt, no an comhthara o ’n leith a muigh ata ann suipeir an Tighearna? F. Aran agus fìon, a dh àithn an Tighearna do ghabhail. C. Ciod a nì ata air a chialluchadh ann taobh a stigh? F. Corp agus fuil Chriosd, ata gu deimhin agus do rìreamh air an gabhail leis na creidmhich ann suipeir ann Tighearna. C. Creud iad na sochairean d’ am bheil sinn na ’r luchd co-pairt leo sin? F. Gu bheil ar n-anamaibh air an neartuchadh agus air am beathachadh le corp agus le fuil Chriosd, mar ata ar cuirp leis an aran agus leis an fhion. C. Ciod ata air iarraidh orra-san a thig gu suipeir an Tighearna? F. Iad fein a cheasnuchadh, am bheil iad a gabhail fior aithreachas air son nan peacaidh a rinn iad roimh, a’ cur rompa gu seasmhach beatha nuadh do chaitheamh; gam bheil creideamh beathail aca ann tròcair Dhe tre Chriosd, le cuimhne thaingeil air a bhàs; agus a bhi ann gràdh leis na h-uile dhaoine. ¶ Air laethibh Domhnuich agus air laethibh naomh, an deigh an dara leasain, aig an urnuigh fheascair, teagaisgidh agus ceasnuichidh Ministeir gach sgireachd gu follasach ann san eaglais, a mheud do a’ sgireachd, a chuirreadh na ionsuidh, ’s a chi e iomchuidh, ann an cuid eigin do na ceistibh so. ¶ Agus bheir na h-uil’ athair, mathair, maighistir, agus ban-mhaighstir air an seirbheisich, agus air an fhoghlumaich (nach d’ fhoghlum an leabhar cheist) teachd do dh’ ionsuidh na h-eaglais ann s-an am orduichte, agus eisdeachd gu h-umhla, agus chum a bhi air’n theagasg leis a Ministeir, gus am foghluim iad na dh’ orduicheadh dhoibh an so. ¶ Co luath ’s a thig clann gu aois iomchuidh, agus a ’s urrain iad an Creud, urnuigh an Tighearna, agus na deich aitheantan a radh ann caint mathar eil; agus mar an ceudna a’s urrain iad ceistin eile an leabhar cheist aith-ghearradh so a fhreagradh; bheirear iad chum an Easbuig. Agus bidh oide, no muime aig gach neach mar fhia’nuis an daingneachadh. [TD 248] ¶ Agus c’ uin air bith a bheir an t-Easbuig fios gu clann a thoirt na ionsusdh chum an daingneachadh, bheir Ministeir gach sgireachd leis, no cuiridh s’e uaithe fo laimh sgriobhaidh chum an Easbuig, ainm na Muintir sin uile a sgireachd-sa ata se meas iomchuidh re ’n tabhairt a dh’ ionsuidh an Easbuig a chum an daingneachadh. Agus ma mheasas an t-Easbuig gur coir sin a dheanamh, daingnichidh ’s e iad air a mhodh so a leanas. ORDUGH an DAINGNEACHAIDH, no leagadh lamh air an dream a bhaisteadh, agus a thainig gu bliadhnaibh tuigse. ¶ Air an la orduichte, air bhi do ’n dream sin uile ata chum an daingneachadh air an am sin, air an cuir an ordugh, agus nan seasamh an lathair an Easbuig, leughaibh s’e fein (no ministeir eile a dh’ orduicheas e) an romh-radh so a leanas. CHum gu ’m bi an co dhaingneachadh air a fhrithealadh chum tuille foghlam do’n dream a ghabhas è, dh’ orduch an eaglais, nach biodh neach air bith o so suas air an cuir fo laimh Easbuig, ach an dream is urrain an Crèud, urnuigh an Tighearna, agus na deich áitheantan a radh; agus mar an ceudna a’s urrain na ceistin eile ata air an cur sios ann san leabhar aith-ghear cheist an fhreagradh: Agus tha ’n t-ordugh so ro fheumail ri chumail, chum air teachd do chloinn anis gu bliadhnaibh tuigse, agus air dhoibh fhoghlam ciod a gheall an oideachan agus a’ muimeachan air an son ann am baiste, gu’m fead iad na nithe ceudna a cheangal agus a dhaingneachadh le ’m bèul agus le ’n toil fein gu follasach ann làthair na h-eaglais; agus a ghealladh mar an ceudna, gu ’n dean iad fein gu brath an dìchioll le gràs De, air na nithe sin leis an d’ aontuich iad le ’n aidmheil a choi’lionadh gu fìrineach. [TD 249] ¶ An sin their an t-Easbuig. AM bheil sibh-se ann so ann làthair Dhe agus a cho-thionail so, ag ath nuadhaich an gealla solaimte agus a mhòid a rinneadh ann bhur n ainm aig ’ur bhaisteadh; a’ daingneachadh agus a’ ceangal na’ nithe ceudna ann bhur pearsanna fein, agus aig aideachadh gu bheil a dh’ fhiachaibh oirbh na h-uile nì a ghabh bhur n-oideachan agus bhur muimeachan orra san am sin air bhur ar son a chreidsin agus a dheanamh? ¶ Agus freagradh gach aon aca le guth soilleir, Tha mi. An t-Easbuig, THA ar comhnadh ann ainm an Tighearna; Freag. Do rinn neamh agus talamh. Easb. Gu ma beannuichte ainm am Tighearna. Freag. O so amach saoghal gun chrìch. Easb. A Thighearna eisd r’ar n-urnuigh. Freag. Agus thigeadh ar glaoidh do t-ionsuidh. Easbuig. Deanamaid Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, a dheonuich iad so do sheirbheisich ath-gheinmhin le h-uisge agus leis an Spiorad naomh, agus a thug dhoibh maitheanas n-ann uile pheacaidh; neartuich iad tha sinn a guidhe ort, O Thighearna, leis an Spiorad naomh am fear-Comhfhurtaich, agus meaduich ann-ta gach la gibhtin lionmhor do ghràis; Spiorad a ghliocas agus na tuigse; Spiorad na comhairle agus a’ neart spioradail; spiorad an eolais agus na fior dhiaghachd; agus lion iad, O Tighearna, le Spiorad t-eagail naomha fein, nois agus gu siorruidh. Amen. ¶ An sin air bhi dhoibh uile air an gluinibh ann ordugh am fia’nuis an Easbuig, cuiridh e lamh air ceann gach neach fa leath, ag radh, DIon, O Thighearna, a’ neach so do leanabh, [no a’ neach so do sheirbheiseach] le d’ ghràs neamhuidh, chum gu ’m bu leat fein è gu bràth: agus gu ’m fàs è ann do spiorad naomh gach la na ’s mo agus na ’s mo, gus an tig sè dh’ionsuidh do rioghachd shiorruidh. Amen. [TD 250] ¶ An sin their an t-Easbuig. Gu n rabh an Tighearna maille ribh. Freag. Agus maille ri do spioradsa. ¶ Agus air dhoibh an leigeadh sios uile air an gluinibh, cuiridh an t-Easbuig ris, na cha labhairt, Deanamaid Urnuigh. AR n’ Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith dhuinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig àm buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. ¶ Agus an Urnuigh so, A Dhe uile chumhachdaich agus shiorruidh, a bheir dhuinn a thoileachadh agus a dheanamh na nithe sin ata maith agus taitneach do d’ mhòrachd dhiaghaidh; tha sinn a’ cur suas ar n-achanuich umhla riut air son iad so do sheirbheisich, air na chuir sinne ar lamhan s-ann àm so, (a reir eisimpleir t-abstola naomh) a thoirt dearbha dhoibh (leis a chomthara so) air do gheanmaith agus air do mhaitheas gràsail d’an taobh-san. Tha sinn a’ guidhe ort, gu ’m bitheadh do lamh atharail gu brath os an ceann; bitheadh do Spiorad naomh do ghna maille riu; agus mar sin treoruich iad ann eolas agus ann umhlachd t-fhocal fein, chum gu ’m faigh iad a bheatha mhairtheanach fa dheoidh, trid ar Tighearna Josa Criosd, ata beo agus a righeachadh maille riutsa agus ris an Spiorad naomh, aon Dia gu brath, saoghal gun crìch. Amen. O Thighearn uile chumhachdaich, agus a Dhe shiorruidh, tha sinn a guidhe ort, aontuich araon ar cridheachan agus ar cuirp a stiuradh, a naomhachadh, agus a riaghladh ann ceumaibh do lagh agus ann oibreadh t-aitheanta, chum trid do dhìdean ro thrèun, araon ann so agus gu bràth, gu ’m [TD 251] bi sinn air ar gleidheadh ann corp agus ann anam, trid ar Tighearn agus ar Slanui’fhear Josa Criosd. Amen. ¶ An sin beannuichidh an t-Easbuig iad, ag radh mar so, GU n rabh beannuchadh an De uile chumhachdaich, an t-Athair, a Mac, agus an Spioraid naoimh oirbh-se, agus gu ’m fanadh è maille ribh gu siorruidh. Amen. ¶ Agus cha leigear le neach air bith teachd a chum a chomanaich naomh, gus am bi se air a-dhaingneachadh, no gus am bi se ullamh agus togarach gu bhi air a dhaingneachadh. [TD 252] ORDUGH a PHOSAIDH. ¶ AIR thus feumaidh gairmeanna na muintir sin uile ata chum am posadh ri cheile bhi air an glaodhuich s-ann eaglas air tri dia-domhnuicheadh no tri laeth naomh eile fa leath, an am na seirbheis dhiaghaidh, air ball roimh bhriathra na Ofrail; a Ministeir ag radh mar is gna, THA mi cuir a geil nan gairmeanna pòsaidh eidir M. do —— agus N. do —— Ma ’s aithneadh do neach air bith agaibh-se adhbhar no bacadh laghail, air son nach feudadh an dias so a cheangal ri cheile ann am pósadh naoimh, is cóir dhuibh inseadh: ’Sè so an ceud [an dara, no an treas] gairm. ¶ Mur ’eil a mhuintir ata chum am posadh, s-ann aon sgireachd, feumaidh iad an gairm s-ann da sgireachd; agus cha phos Ministeir aon sgireachd iad, gun dearbhadh fhaghail o Mhinisteir na sgireachd eile, gu ’n deachuidh an gairm tri uairean. ¶ Air an la agus air an am orduichte chum a phosaidh, thig a mhuintir ata gu posadh, a steach gu mheadhon na h-eaglas maille ri ’n cairdibh agus ri ’n coimhearsnaich: agus air seasamh dhoibh le cheile, an duine air an lamh dheis, agus a bhean air an lamh chli, their an Sagairt, A Mhuintir ionmhuinn, tha sinn ann so cruinn ann ceann a cheile ann làthair Dhe, agus ann làthair a cho’thionail so, chum am fear so agus a bhean so a cheangal ri chèile ann am pósadh naomh, nì ata na staid onaraich, a dh’ orduich Dia nuair a bha an duine ann staid neo chiontaich, a’ cialluchadh dhuinne an ceangal diamharach ata eidir Criosd agus eaglais fein; an staid naomh air na chuir è onair agus sgeimh le a làthaireachd fein; agus leis a cheud mhìorbhuil a rinn è ann Càna na Galali, agus ata N. Pól a moladh mar staid urramaich a’ measg nan uile dhaoine; agùs air an aobhar sin nach cóir do neach air bith thionsgnadh, no a ghabhail o’s laimh gun no smuainteachadh, gu faoin, no gu macnasach, a chum ciocras agus ain-mianna feolmhar dhaoine [TD 253] do shàsuchadh, mar na h-ainmhidh brùideil gun tuigse; ach gu h-urramach, gu glic, gu cialach, gu measara, agus an eagal De, a’ smuainteachadh mar is còir c’àr son a dh’ orduicheadh am posadh. Air thus dh’ orduicheadh è chum clann do ghintin, chum an togail suas ann eagal agus ann altrum an Tighearna, agus a chum moladh ainma naomh san. San dara àite, dh orduicheadh è mar leigheas an aghaidh peacaidh, agus a chum striopachas do sheachnadh; chum gu ’m feudadh an dream aig nach ’eil gibht na geanmnachd pòsadh, agus gu’n gleidheadh iad iad-fein nam buill neo-thruaillidh do chorp Chriosd. Sann treas aite, dh’ orduicheadh è chum an co’luadar, an comhnadh, agus an co’fhurtachd a ’s coir do gach aon aca fa leath a thoirt d’ a cheile, araon ann soirbheas agus ann trioblaid: ann s-ann staid naomha so tha ’n dias so ata làthair a teachd a nis gu bhi air an ceangal. Air an aobhar sin ma ’s urrain duine air bith aodhbhar ceart, fheuchain nach feuda an ceangal gu laghail ri chèile, labhradh sè anis, no bidh è na thosd gu brath an deigh so. ¶ Agus mar an ceudna a labhairt riu-san ata chum am posadh their s’e, THA mi aig iarruidh agus a’ cuir a dh’ fhiachaibh oirbh le cheile (mar a fhreagras sibh ann la uabhasach a bhreathea’nais, nuair a bhios rùin gach uile chroidhe air an deanamh follasach) ma ’ta fios aig aon agaibh air baca air bith air son nach feudadh bhur ceangal ri cheile gu laghail am pòsadh, gu ’n aidich sibh è air an ám so. Oir bithibh ro chinnteach, a mheud ’s a ’ta air an ceangal ri cheile air doigh nach ’eil focal De a’ ceadachadh, nach ’eil iad ceangailt rì cheile le Dia, ni mo ’ta am pòsadh laghail. ¶ Air an la sin a phosaidh, ma chuireas neach air bith an geil amladh air bith air son nach feudadh an cuir cuideachd ann posadh le lagh Dhe, no le lagh na rioghachd so, agus gu ’n ceangail se e fein agus urasan foghainteach ma’ ris do ’n lanan, no gu ’n cuir e stigh geall-tasgaidh (ann s-am bi luach iomlan gach costas a thig leis a sin air a mhuintir ata chum posadh) gus a ni ata e ’g radh a dhearbhadh: An sin feumaidh dail a chuir ann sa phosadh gus am bi ’n fhirinn air a ransachadh. ¶ Mur bi baca air a chur an geil, an sin their a’ Ministeir ris an fhear. [TD 254] M. AN àill leat a bhean so do bhi agad mar do bhean phosda, chum bhur beatha do caitheadh maille ri cheile a reir ordugh Dhe, ann staid naomh a phòsaidh? An gràdhuich ù ì, an co’fhurtuich ù ì, an onaraich agus an gleidh thù ì, ann tinnis agus ann slainte, agus a treigeadh gach uile bhean eile, an gleidh thu ù fein dh’ ìse amhain, co fhad ’s a bhios sibh beo le cheile? ¶ Freagraidh am fear, Is aill leam. ¶ An sin their a Ministeir ris a mhnaoi, M. AN àil leat am fear so do bhi agad mar t-fhear posta, chum bhur beatha do chaitheadh maille ri cheile a rèir ordugh Dhe an staid naomh a phòsaidh; an toir thu umhlachd dha, an dean ù seirbheis dha, an gradhaich, an onaraich, agus an gleidh thu è, ann tinnis agus an slainte, agus a treigeadh gach uile fhear eil, an gleidh thu u-fein dha-sa amhain, co fad ’s a bhios sibh beo le chèile? ¶ Freagraidh a bhean, Is aill leam. ¶ An sin their a Ministeir, Co bheir a bhean so chum a posadh ris an fhear so? ¶ An sin bheir iad an gealla da cheile air a mhodh so. ¶ Air do ’n Mhinisteir a bhean a ghabhail as laimh a h-athar no a caraid bheir se air an fhear lamh dheas na mna a glacadh le laimh dheis fein, agus ag radh na dheigh fein mar a leanas. THA mise M. ga do ghabhailse N. mar mo bhean phòsda, gu bhi agam agus ga d’ chumail o ’n la so suas, air son na ’s fearr air son na ’s measa, air son na ’s beartuicheadh air son na ’s bochda, ann tinnis agus ann slainte, gu d’ ghràdhach agus gu d’ altrum gus an sgar am bàs sinn, a reir ordugh naomh Dhe; agus a chum na crìche sin tha mi toirt mo ghealla dhuit. ¶ An sin sgaoilidh iad lamhan, agus glacaidh a bhean le a laimh-dheis fein, lamh dheas an fhir, agus their i mar an ceudna an deigh a Ministeir, [TD 255] THA mise N. ga d’ ghabhailse M. mar m’ fhear pòsda, gu bhi agam agus ga d’ chumhail o ’n la so suas, air son na ’s fearr air son na ’s measa, air son na ’s beartuicheadh air son na ’s bochda, ann tinnis agus ann slainte, ga d’ ghràdhachadh, ga d’ altrum, agus gu bhi umhla dhuit, gus an sgar am bás sinn, a reir ordugh naomh Dhe; agus a chum na crìche so tha mi toirt mo ghealla dhuit. ¶ An sin fgaoilidh iad an lamhan a ris, agus bheir am fear faine do ’n mhnaoi, ga chuir air an leabhar, ma’ ris an dlighe gnathaichte do ’n Ministeir agus do ’n chleireach. Agus air togail an fhaine do’n Ministeir, bheir se do’n fhear e, ga chuir air a cheathramh mear do laimh chli na mna. Agus air cumail an fhaine an sin do ’n fhear agus air bhi dha air a theagasg leis a Ministeir, their se, THA mi ga d’ phòsadh leis an fháine so, tha mi toirt onair dhuit le ’m chorp, agus tha mi toirt dhuit mo maoin shaoghalta uile: ann ainm an Athair, agus a Mhic, agus an Spioraid naomh. Amen. ¶ An sin air do ’n fhear am faine fhagail air a cheathramh mear do laimh chli na mna, theid iad sios air an gluinibh le cheile, agus their a Ministeir, Deanamaid Urnuigh. O Dhe shiorruidh, a chruith-fhear agus fhear-coimhid a chinne-daoin’ uile, fhear-tabhairt gach uile ghràs spioradail, ughdair na beatha shiorruidh; cuir do bheannachadh orra so do sheirbheisich, an fear so agus a bhean so, ata sinn-ne a’ beannuchadh ann a t-ainm-se: chum mar a chaith Isaac agus Rebecca am beatha gu threibh-deirach ma’ ri cheile, mar sin gu ’n dean a mhuintir so a mhòid agus an cumhnanta a rinneadh eatorra, (air am bheil am faine so a thugadh seachad agus a ghabhadh mar chomhara agus mar gheall) a choi’lionadh agus a chumhail gu daingean, agus gu ’m buanuich iad ann gradh iomlan agus an sith le cheile, agus gu ’n caith iad am beatha a reir do lagh-sa, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin ceanglaidh a Ministeir an lamhan deas ri cheile, agus their se, Iad-san a cheangail Dia ri cheile, na cuireadh duine air bith o cheile. [TD 256] ¶ An sin labhruidh a Ministeir ris a phobull. DO bhri gu ’n d’ aontuich M. agus N. le cheile ann am pòsadh naomha, agus gu ’n tug iad fia’nuis air an nì cheudna ann làthair Dhe agus na cuideachd so, agus chum na crìche sin gu ’n daingnich iad an gealla do cheile, agus gu ’n d’ fhoillsich iad a’ nì ceudna le fàine do thabhairt agus do ghabhail, agus le glacadh lamh, tha mise ga ’n gairm nan lánan pósda ri cheile, ann ainm air Athar, agus a Mhic, agus an Spiorad naoimh. Amen. ¶ Agus cuiridh a Ministeir am beannuchadh so ris, GU ’m beannuicheadh, gu ’n gleidheadh, agus gu ’n coimhdeadh Dia an t-Athair, Dia a’ Mac, Dia an Spiorad naomh sibh; gu ’n sealladh an Tighearna gu tròcaireach le ghean maith oirbh, agus gu ’n lionadh è sibh leis gach uile bheannachadh agus ghrás spioradail, chum gu ’n caith sibh bhur beatha ma’ ri cheile s-an t-saoghal so, air doigh gu ’m fuigh sibh a’ bheatha mhairtheanach s-an t-saoghal ata ri teachd. Amen. ¶ An sin air dol do ’n Ministeir no do ’n chleireach gu bord an Tighearna, their no seinnidh e an t’ salm so a leanas. Beati omnes. Sal. cxxviii. IS beannuichte iadsan air am bheil eagal an Tighearna agus a shiubhlas ’na shlighibh. Oir ithidh tu saothair do lamhan fein: bithidh tu sonna, agus tachraidh gu maith dhuit. Bithidh do bhean mar fhineamhuin tharbhach; air ballachaibh do thighe. Do chlann mar ghèugan a chrainn òla: timchiol do bhuird. Feuch, mar so bidh an duine beannuichte: air am’ bheil eagal an Tighearna. Beannuichidh an Tighearn ù a mach a’ Sion: agus chì thù maith Jerusalem feadh uile làeth do bheatha. Seadh, chì thù clann do chloinne: agus sìth air Israel. Glòir do ’n Athair, &c. Mar bhà an tùs, &c. [TD 257] ¶ No an t’ Salm so. Deus misereatur. Sal. lxvii. GU ’m biodh Dia tròcaireach dhuinn, agus gu ’m beannuicheadh è sinn: agus gu ’n taisbeanadh è dhuinn solus a ghnuis, agus gu ’m biodh è tròcaireach dhuinn. Chum gu ’m bi do shlighe aithnichte air an talamh: do shlainte shòlasach a measg nan uile chinneach. Moladh am pobul thù, O Dhe: seadh moladh am pobul uile thù. O deana na cinnich gairdeachas agus biodh iad aoibhneach: oir bheir thù breith air an t-sluagh gu ceart, agus riaghluidh thu na cinnich air talamh. Moladh am pobul thù, O Dhe: moladh am pobul uile thù. Ann sinn bheir an talamh amach a thoradh: agus bheir Dia, eadhoin ar Dia-ne a bheannuchadh dhuinn. Beannuichidh Dia sinn: agus bidh eagal-san air uile chriochaibh an domhain. Glòir do ’n Athair, &c. Mar bha an tùs, &c. ¶ Nuair a sguireas an t’ Salm, agus air bhi do’n fhear agus do ’n mhnaoi air an gluinibh fa chomhair bord an Tighearna, air bhi do ’n mhinisteir na sheasamh aig a bhord, agus aig tiontadh aghaidh riu, a deir se, A Thighearna dean tròcair oirn. Freag. A Chriosd dean tròcair oirn. Min. A Thighearna dean trocair oirn. AR n’ Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith dhuinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sinn dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. Min. O Thighearna, sabhail t-oglach agus do bhan-óglach; Freag. Ata cur an dóchais ann-ad. Min. O Thighearna, cuir comhnadh d’ an ionnsuidh o d’ ionad naomh. [TD 258] Freag. Agus dion iad gu bràth. Min. Bi dhoibh a d’ chaisteal laidir, Freag. O aghaidh a namhaid. Min. O Thighearna eisd r’ ar n-urnuigh. Freag. Agus thigheadh ar glaodh do t-ionnsuidh. Ministeir. O DHE Abraham, a Dhe Isaic, agus a Dhe Jacob, beannuich iad so do sheirbheisich, agus cuir siol na beatha shìoruidh ’nan cridheachaibh, chum ciod air bith nì ann a t-fhocal naomh a dh’ fhoghlumas iad gu tarbhach, gu ’n coi’-lion iad a nì sin do rìreadh. O Thighearna amhairc orra gu tròcaireach o neamh, agus beannuich iad. Agus mar a chuir thù do bheannuchadh air Abraham agus air Sàra, chum mòr-chofhurtachd dhoibh; mar sin deonuich do beannuchadh a chuir orra so do sheirbheisich, ionnas air dhoibh bhi umhla do d’ thoil, agus a bhi do ghna ann tearantachd fo do dhìdin, gu ’m buanuich iad ann do ghràdh gu crìch am beatha, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ Cha’n abrar an urnuigh so a leanas a nuair a chuidh an bhean thar aois cloinne. O Thighearn throcairich agus Athair, neamhuidh is ann le do thiolaca’ gràsail ata an cinnea-daoine air a meaduchadh; guidhemid ort cuidich le d’ bheannuchadh an dà phearsa so, chum gu ’m bi iad nan dithis tarbhach ann cloinn do ghintinn, agus mhar an ceudna am beatha do chaithe ma’ ri cheile co fada ann gràdh diaghaidh agus ann onair, gu ’m faic iad an clan air an togail suas gu Criosdail agus subhaileach, chum do chliu agus t-onair, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. O DHE, a rinn na h-uile nithe do neimhni le do mhòr chumhachd, agus mar an ceudna (an deigh nithe eile do chuir an ordugh) a dh-orduich gu ’n gabhadh a bhean a’ toiseach as an fhear a chruthaicheadh a reir t-iomhaigh agus do chosmhalachd fein; agus ga ’n ceangal ri cheile, a theagaisg nach biodh iad-san gu brath air an sgaradh o cheile gu laghail, a rinn thusa nan aon le pòsadh: O Dhe, a bheannnich staid a phòsaidh gu bhi na leithid do rùn-diamhair oirdhearc, a’s gu [TD 259] bheil am pòsadh spioradail agus an aonachd ata eidir Criosd agus a eaglais fein air a chiallachadh agus air a leigeadh ris ann; amhairc gu trocaireach orra so do sheirbheisich, chum gu ’n gràdhuich am fear so a bhean fein, a reir t-fhocail-se, (mar a ghràdhuich Criosd a cheile an eaglais; a thug è fein air a son, ’g a graduchadh agus ’g a h-altrum mar fheoil fein,) agus mar an ceudna gu ’m bi an bhean so gu gaolach agus gu grádhach, fìrineach agus umhla d’ a fear pòsda fein; agus ann s-gach uile chiùnas, stuaim, agus sìth gu ’m bi sì na bean-leanmhuinn air mnaibh-màthaireil naomh agus diaghaidh. O Thighearna, beannuich iad le cheile, agus deonuich dhoibh seilbh mar oighreachd ann do rioghachd shiorruidh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin their a Ministeir. AN Dia uile chumhachdaich, a chruthaich air tùs ar ceud sinsearachd Adhamh agus Eabha, agus a naomhuich agus a cheangail ri cheil iad am pòsadh; gu’ n doirteadh è oirbh-se saibhreas a ghràis, gu naomhuicheadh agus gu beannuicheadh è sibh; chum gu ’m dean sibh a thoil, araon ann corp agus ann anam, agus gu ’n buanuich sibh maille ri cheile an gràdh naomh gu crioch bhur bheatha. Amen. ¶ An deigh sin, mur bi searmoin ann a chuir an geil nan dleasnas do ’n lanan posta, their no leubhaidh a Ministeir mar a leanas. SIbhse uile ata pòsda, no air a bheil a mhiann staid naomh a phósaidh do ghabhail oirbh fein, eisdibh ciod ata an Scriobtuir Naomh ag radh mu dhleasnas nam fear d’a mnaibh fein, agus nam ban d’ am fearaibh pòsda fein. Tha Pòl Naomh ’na Litir a chum na n-Ephesianach, sa’ chuigeamh caibdeil, a’ tabhairt na h-aithne so do na h-uile dhaoine posda: Fhearaibh pòsda, gradhuichibh bhur mnaibh eadhon mar a ghradhaich Criosd fos an Eaglais agus thug sè è fein air a son; Chum gu naomhaicheadh, agus gu ’n glanadh sè i le ionnlad an uisge trid an fhocail, chum gu ’n cuireadh è ’na làthair fein ì na h eaglais ghlòrmhoir, gun smal, gun phreasa’, no ni air bith d’an leithidibh sin; ach chum gu ’m biodh i naomha, agus neo-lochdach. Is amhluidh sin is coir do na fearaibh am mnai fein a ghradhachadh, mar an cuirp fein; an [TD 260] ti a ghradhaicheas a bhean, tha è ’g a ghradhachadh fein. Oir cha d’ thug duine air bith riamh fuath d’a fheoil fein; ach altrumaidh agus eiridnidh sè i, amhuil mar ata an Tighearna deanamh do ’n eaglais; oir is buill sinn d’a chorp, d’a fheoil, agus d’a chnamhaibh-sin. Air an adhbhar so fagaidh duine athair agus a mhathair, agus dlu-leanaidh se r’a mhnaoi, agus bithidh an dias ’n an aon fheoil. Is diomhaireachd mhor so: ach labhram mu Chriosd agus an eaglais. Gidheadh, thugadh gach aon agaibhse fa leith gradh d’a mhnaoi amhuil mar dha fein. Ephes. v. 21. Mar an ceudna tha ’n t-Absdail Pòl a scriobhadh chum na n-Colosanach, a’ labhairt ris na h-uile dhaoine posda air an doigh so, Fhearaibh posda, gradhaichibh bhur mnaibh, agus na bithibh searbh nan aghaidh. Col. iii. 19. Cluinnibh mar an ceudna ciod ata Naomh Peadar Absdal Chriosd, neach a bha è fein na fhear posda, ag radh riusan ata posda, Fheara-posda, gabhaibhse comhnuidh maille re ar mnai a reir eolais, a’ tabhairt onair do ’n mhnaoi mar an soitheach a ’s anmhuinne, agus mar mhuintir a ’ta ’n an co’-oighreachaibh air gras na beatha; chum nach cuir’ear bacadh air bhur n urnuighibh. 1 Peter, iii. 7. Thuige so chualadh sibh dleasnas an fhir do’n mhnaoi. Noise mar an ceudna, sibh-sa mhnaibh, eisdibh agus foghluimibh bhur dleasnas da ’r fearaibh posda fein eadhon mar ata se air a romh fhoillseachadh gu soilleir san scriobtuir naomh. S ann Litir a dh’ ainmicheadh roimhe chum nan Ephesianach, tha ’n t-Absdail Pòl ’g ar teagasg mar so: A mhnai, bithibhse umhal d’ar fearaibh posda fein, mar do’n Tighearna. Oir is è am fear ceann na mna, eadhon mar is è Criosd ceann na h eaglais; agus is eisean slanui’fhear a’ chuirp. Uime sin amhuil ata ’n eaglais umhal do Chriosd, mar sin biodh na mnai d’ am fearabh fein mar an ceudna ann s gach ni. Agus a ris, tha è ag radh, Feuchabh a’ bhean gu’n d’thoir si urram d’a fear. Ephes. v, 22. Agus ’n a Litir a chum nan Colosianach, tha ’n t Absdal Pol a’ toirt an leasain ghaoirid so dhuibh, A mhnaibh bithibh umhla da bhur fearaibh posda fein, mar a ’s cubhaidh san Tighearna. Col. iii. 8. Tha an t-Absdal Peadar mar an ceudna ’g ar teagasg gu ro mhaith, ag radh mar so; Sibh-se a mhnaibh, bithibhse umhla d’ar fearaibh-posda fein; chum ma ’ta droing air bith eas-umh- [TD 261] al do ’n fhocal, gu ’m bi iadsan mar an ceudna air an cosnadh le deadh chaithe’-beatha nam ban, as eugmhais an fhocail; ’Nuair a bheachdaicheas iad air bhur caithe’-beatha gheamnaidh maille re h eagal. Na bu h è bhur breaghachd, figheadh an fhuilt, agus ag cur òir oirbh, agus dheadh thrusgain umaibh, a’ bhreaghachd sin o ’n leith ’muigh: Ach duine folaicht a’ chroidhe, ann neo-thruaill’eachd spioraid mhacant agus chiuin, ni a ’ta ro-luachmhor ann sealladh Dhe. Oir is ann mar so a rlnn na mnai naomha o shean, aig an raibh am muinghin ann Dia, iad fein breagha, air dhoibh bhi umhal d’ am fearaibh sein: Amhuil a thug Sara umhlachd do Abraham, a’ gairm tighearna dheth: d’ an ingheana sibhse ’m feadh ’s a ni sibh gu maith, agus gun gheilt oirbh le h ua’bhas sam bith. 1 Phead. iii, 1. ¶ Tha e iomchuidh gu ’n gabhadh a mhuintir ata air an ur phosadh an Comanach naomh aig am am posaidh, no aig a cheud cho’throm an deigh am posaidh. [TD 262] An t-Ordugh mu SHEALLTUIN Dhaoine TINNE. ¶ Nuair a bhios neach air bith tinn, is coir sios a thoirt do Mhinisteir na sgireachd; agus air teachd dha gu tigh an duine thinn, a deir se, GU rabh siothchaimh do ’n tigh so, agus do gach neach ata gabhail comhnuidh ann. ¶ Nuair thig e ann lathair an duine thinn, ’ga leigeadh sios air a ghluinibh a deir se, A Thighearna, na cuimhnich ar peacaidh, no peacaidh ar sinsearachd. Caomhain sinn a Thighearna, caomhain do phobul fein, a shaor thu, le d’fhuil ro phriseil fein, agus na bi feargach ruinn gu brath. Freag. Caomhain sinn, a Thighearna mhaith. ¶ An sin their an Sagart, Deanamaid Urnuigh. A Thighearna dean tròcair oirn. A Chriosd dean trocair oirn. A Thighearna dean trocair oirn. AR n-Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith dhuinne ar ciontaibh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. [TD 263] Min. O Thighearna sàbhail do sheirbheiseach; Freag. Ata cur a dhòchais ann-ad. Min. Cuir comhnadh thuige o t áite naomh, Freag. Agus dìon è gu cumhachdach a chaoidh. Min. Na faigheadh an namhad co’throm air; Freag. Na tigeadh an t-aingidh fogas d’a ga ghoirteachadh. Min. O Thighearna, bi dha mar chaisteal làidir; Freag. O aghaidh a namhaid. Min. O Thighearna, èisd r’ar n urnuigh. Freag. Agus thigeadh ar glaodh do t-ionsuidh. Ministeir. O Thighearna, seall a nuas o neamh, faic, fiosraich agus fuasgail air a’ neach so do sheirbheiseach. Amhairc air le suilibh do thròcair, tabhair dha co’fhurtach agus dòchas daingean ann-ad fein, dion è o chunnart an namhad, agus coimhid è ann sìth agus ann slainte shiorruidh, trìd Josa Criosd ar Tighearna. EIsd ruinn, a Dhe agus a Shlanui’fhear uile chumhachdaich agus thròcairaich; sin do mhaitheas gnathuichte a dh’ ionsuidh a’ neach so do sheirbheiseach, ata air a chràdh le tinnis. Tha sinn a guidhe ort, naomhuich è so do smachduchadh atharail dha; chum gu’n cuir mothacha air a laigse neart ri a creidimh, agus treibhdhireachd ri aithreachas; chum ma s’ ì do dheagh thoilse aiseag gus an t-slainte a bh’ aige romhe, gu ’n caith è chuid eile d’ a bheatha ann a t-eagal, agus a chum do ghlòir. No tabhair dha gràs gu t fhiosrachadh a ghabhail, air doigh an deigh a bheatha phiantach so do a chriochnachadh, gu ’n gabh è comhnuidh maille riut-sa sa’ bheatha mhairtheanuich, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin bheir a Ministeir earail air a’ neach ata tinn a reir na foirm so, no a leithid eile. A Mhuintir ionmhuin, biodh fios so agad, gur h-è ’n Dia uile chumhachdaich is Tighearna air beatha air bàs, agus air gach nì a bhuineas doibh, mar ata òige, neart, slainte, aois, laigse, agus tinnis. Uime sin ciod è air bith è do thinnis biodh fios cinnteach agad, gur h-è smachdachadh Dhia ata ann. [TD 264] Agus ciod air bìth an t-aobhar mu ’n do chuireadh an tinnis so ort, ma ’s-ann chum t-fhoighidin a dhearbha’ mar eisimpleir do dhaoine eile, agus a chum gu ’m faighte do creidimh ann la an Tighearna, mór chliùtach, glórmhor agus uramach, gu meudachadh glóir agus sonas gun chrìch; no ma s-ann a chuireadh ort è, a smachdachadh agus a leusachadh nì air bith ann-ad ata cuir corruich air suilibh t-Athar neamhuidh; biodh fios cinnteach agad, ma ni thu fior aithreachas air son do pheacaidh, agus ma ghiulanas tu do thinnis gu foighidneach, ag earbsa ann tròcair Dhe, air son a Mhic ghràdhuich Josa Criosd, agus buidheachas umhla do thoirt dha air son a smachduchadh atharail, ’ga d’ thoirt fein suas gu h-iomlan d’a thoilsin, tiontadh è gu tairbhe dhuit, agus gu ’n cuidich è air t-aghaidh thù s-ann t-slighe cheart a threoruicheas a chum na beatha marthainich. ¶ Ma bhios a’ neach a thainig ear ga shealltuin ro thinn, feudaidh a’ Ministeir an earail do chriochnachadh s-ann aite so, mur ’eil, feudaidh e dol air aghaidh. UIme sin gabh thugad gu maith smachdachadh an Tighearna: Oir (mar ata an t-Absdal Pól ag radh s-ann dara caibdeil dèug a chum nan Eabhradhaich) an ti a ’s ionmhuinn leis an Tighearna, smachduichidh sè è, agus sgiùrsaidh sè gach mac ris an gabh è. Ma ghiùlaineas sibh smachdachadh, ’ta Dia a’ buntuin ribh mar re cloinn: oir co am mac nach smachdaich an t-Athair? Ach ma ’ta sibh as eugmhais smachdachaidh, d’am bheil na h-uile ’n an luchd co’-pairt, ann sin is clann dìolain sibh, agus ni ’n clann dligheach. Tuilleadh eile, bha againn aithreacha thaobh na feòla, a smachdaich sinn agus thug sinn urram dhoibh: nach mòr is mò is còir dhuinn bhi ùmhal do Athair nan spioraid, agus a bhi beo? Oir gu deimhin smachduich iadsann sinn rè beagan do laithibh reir an toil fein; ach eisean chum ar tairbhe, ionnas gu ’m bitheamaid ’n ar luchd co’-pairt d’a naomhachd. A dheagh bhràthre, tha na briathra so sgrìobhte s-ann scriobtuir naomh air son co’fhurtachd agus teagasg dhuinne; chum le toirt buidheachais, gu ’n giùlaineamaid gu foighidneach smachdachadh ar n-Athar neamhuidh, c’ uair air bith a’s toil le mhaitheas gràsail ar fiosrachadh le trioblaid air bith. Agus cha bu chòir sòlas bu mhor bhi aig criosduighean, na bhi air an dheanamh cosmhuil ri Criosd le anshocair, trioblaidin, agus tinnis fhulang gu foighidneach. [TD 265] Oir cha deachaidh è fein suas gu gairdeachas, gus an d’ fhullaing è pian an toiseach; cha deachaidh é steach d’a ghloir gus an rabh sè air a chèusadh. Mar so, gu deimhin, ’s ì ’n t-slighe dhuinne gu gairdeachas siorruidh fulang ann so maille ri Criosd; agus s è an doras air am faigh sinn a steach do ’n bheatha siorruidh, bàsuchadh gu suilbhear maille ri Criosd; chum gu n-èirich sin a ris o ’n bhàs, agus gu ’n gabh sinn comhnuidh maille ris ann s a’ bheatha mhairtheanaich. Nois air an aobhar sin, air fulang dhuit do thinnis gu faighidneach ata mar so tarbhach dhuit, earalaichim ort ann ainm Dhe, an aidmheil a rinn ù do Dhia ann a d’ bhaiste do chuimhneachadh. Agus do bhri gu bheil cunntas ri thoirt seachad an deigh na beatha so do ’n bhreitheamh firineach, a bheir breith air gach uile neach gun mheas air pearsa seach a cheile; cuirim a dh’ fheachaibh ort thu fein agus do staid a cheasnuchadh, araon do thaobh Dhe agus dhuine; mar so ’ga d’ chasaid agus ’g d’ dhìte fein air son do choirreanna fein, chum gu ’m faigh thu trócair air laimh ar n-Athar neamhuidh-ne air sgà Chriosd, agus nach bi thu air do chasaid no air do dhìte ann fa bhreitheanas uabharach sin. Air an aobhar sin aithrisidh mi dhuit poncan ar creidimh, chum gu ’m bi fios agad am bheil thu creidsin mar is coir do Chriofduigh, no nach eil. ¶ An so aithrisidh a Ministeir Poncan a Chreidimh, ag radh mar so, AM bheil thu creidsin ann Dia an t-Athair uile chumhachdaich, Cruithfhear neamh agus talmhuin? Agus ann Iosa Criosd aon ghin Mhic-sin, ar Tighearna? Agus gu n do ghabhadh è leis an Spiorad Naomh; gu ’n d’ rugadh è leis an Oigh Muire; gu ’n d’ fhulaing è fo Phontius Pilat, gu ’n do chèusadh è, gu ’n d’ fhuair è bàs agus gu ’n d’ adhlaiceadh è; gu ’n deach è sios do dh-Ifrionn, agus mar an ceudna gu ’n d’ èirich è rithist an treas la; gu ’n deachiadh è suas air neamh, agus gu bheil sè na shuidhe air deas lamh Dhe an t-Athair uile chumhachdaich; agus gu ’n tig se ’a sin a ris aig deireadh an t-saoghail, a thoirt breath air bheoaibh agus air mharbhaibh? Agus am bheil thu creidsin ann san Spiorad Naomh: An Eaglais naomh choitchion; Co-chomunn nan Naoimh; Maitheanas na’m peaceanna; Eis-eirigh na colla; agus a bheatha Mhairtheanach an deigh a bhàis? [TD 266] ¶ Freagraidh an duine tinn, Tha mi creidsin so uile gu diongalta. ¶ An sin ceasnuichidh a Ministeir an d’ rinn e fior aithreachas air son a pheacaidh, agus am bheil e ’n gradh ris an t-saoghal uile; a’ coimheirleachadh dha maitheanas a thoirt o ghrunnd a chroidhe do gach uile neach a chuir corruich air, agus ma chuir e fein corruich air neach air bith, maitheanas iarruidh orra; agus far an d’ rinn e ea-coir no cron air aon duine, dioladh a dheanamh mar is fearr is urrain e. Agus mur do bhuilidh e mhaoin roimhe, biodh e air a chomhairleachadh san am sin gu tiomna a dheanamh, agus fhiachan inseadh, ciod a dhighear uaithe agus cioda dhlighear dha, chuma choguis a ghlanadh na ’s fearr, agus siothchaidh d’ a oighreachaibh. Ach bu choir daoine do chuir ann cuimhne gu minic gu co’throm a ghabhail air an gnothuichibh saoghalta do chuir ann ordugh, a’ nuair ata iad n-ann slainte. ¶ Feadar na briathra so a labhradh roimhe, a radh mu ’n toisich a Ministeir r’ a urnuigh, mar chi se aobhar. ¶ Cha dean a Ministeir diochuimh n’ an earrail dhurachdach thoirt an dream eas-laint sin aig am bheil an comas, iad a bhi fial ris na bochdaibh. ¶ Ann so bithidh a’ neach ata tin air a bhrosnuchadh chum a pheacaidh gu leir aideachadh, ma mhothuicheas e choguis fo thrioblaid le ni cudtromeach air bith. An deigh na h-aidmheil, bheir a Ministeir fuasgladh dha (ma dh’ iarras se e gu h-umhla agus o a chroidhe) air an doigh so. GU ’n deana ar Tighearna Josa Criosd, a dh’ fhág cumhachd aig eaglais fein fuasgladh a thoirt do gach uile pheacair a ni fior aithreachas agus a chreideas, d’a mhòr throcair maitheanas thoirt dhuit-se ann a d’ pheacaidh; Agus le ughdaras-san a thugadh dhomh-sa, tha mi toirt fuasgladh dhuit o t-uile pheacaidh, ann ainm an Athair, agus a Mhic, agus an Spioraid Naoimh. Amen. ¶ Agus an sin their a’ Ministeir an urnuigh a leanas. Deanamaid Urnuigh. O Dhe a ’s mo trocair, neach, a reir lionmhoireachd do throcair, a chuireas air falbh peacaidh na muintir sin a ni fior aithreachas, air mhodh nach cuimhnich thu iad na ’a mo; fosgail suil do throcair air a’ neach so do sheirbheiseach ata gu durachdach aig iarruidh fuasgladh agus maitheanas. Athnuadhuich ann (o Athair a ’s mo gradh) na nithe sin a [TD 267] bha caithe air falbh le mealtoireachd agus mi-rùn an diabhoil, no le ain-mian agus anmhuineachd fheolmhar fein; gleidh agus buanach an duine easlaint so ann aonachd na h-eaglais; smuaintich air a chroidhe brùite, gabh ri dheoir, lughduich a chràdh, mar ’s mo a chi thu iomchuidh air a shon. Agus do bhri gu bheil è cur a làn earbsa ann do thròcair amhain, na cuir a pheacaidh a chuaidh seachad as a leath; ach neartuich è le do Spiorad beannuichte, agus a nuair is toil leat e a thoirt as so, gabh è fo d’ churam fein, tre toiltinis do Mhic ro ghradhaich, Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin their a Ministeir an t-Salm so. In te Domine, Speravi. Sal. lxxi. ANn-ad-sa, O Thighearna, chuir mi mo dhochas, na bithim gu brath air mo chuir gu náire; ach fuasgail agus saor mi ann a t-fhirinteachd, aom do chluas do ’m ionsuidh, agus sabhail mi. Be thusa a’ d’ chaisteal daingnean dhomh, chum an tathuich mi do ghna; gheall thu mo chomhnadh, oir is tu mo thigh didin, agus mo dhaingneachadh. Saor mi, O mo Dhia, as laimh nan daoine mi-dhiaghaidh; ’mach a’ laimh an duine neo-fhìrinich agus gun iochd. Oir is tusa, O Thighearna dhia, an ni ata mi mianachadh; ’s mo dhòchas, o m’ òige. Leat-sa do chumadh suas mi o thainig mi a dh’ ionsuidh an t-saoghail; is tu a thug a mach mi a’ broinn mo mhàthar; molaidh mi thu do ghna. Tha mi mar gu ’m b’ eadh a’ m’ iongantas aig moran; ach tha mo dhòchas daingnean annad-sa. O biodh mo bhèul air a lionadh le d’ chliu; chum gu ’n seinn mi do ghloir agus t-onair feadh an la gu h-iomlan. Na tilg air falbh mi ann àm mo shean aois; na treig mi nuair a dh’ fhagas mo neart mi. Oir ata mo naimhdean a’ labhairt a m’ aghaidh, agus an dream ata ri faire air son m’ anama, tha iad a’ gabhail comhairle le cheile, ag radh, do thrèig Dia è, leanaibh è, agus glacaibh è, oir cha ’n eil neach ann ’ga shaoradh. O Dhe, na bi fada uam; mo Dhia, dean deifir do m’ chomhnadh. [TD 268] Biodh iadsan air an cuir gu hamhla, agus air an sgrios, ata ’n aghaidh m’ anama; biodh iad air a folach le nàire agus eas-onair, ata iarruidh chron a dheanamh dhomh. Ach air mo shon-sa, feithidh mi gu foighidneach do ghna; agus molaidh mi thù ni s mò agus ni ’s mo. Labhruidh mo bheul gach la air t-fhirinteachd agus do shlainte; oir cha ’n aithne dhomh an crioch. Theid mi amach ann neart an Tighearna Dia; agus ni mi iomradh air t-fhirinteachd-sa amhain. O Dhe, do theagaisg thu mi o m’ òige gu ’n uige so; air an aobhar sin cuiridh mi t-oibreadh iongantach an geill. Na trèig mi, O Dhe, ann am shean aois a’ nuair ata mo cheann liath; gus an taisbein mi do neart do ’n ghinealach so, agus do chumhachd dhoibh-sin uile ata fhost chum teachd. O Dhe, ata t-fhireantachd ro àrd, agus rinn thu nithe mòra: O Dhe, co ata cosmhuil riutsa? Gloir do ’n Athair, agus do ’n Mhac, agus do ’n Spiorad Naoimh; Mar bha ann tùs, ata anois, agus a bhios gu brath, saoghal gu ’n chrich. Amen. ¶ A cuir so ris. O Shlanui’fhear an t-saoghail, a shaor sinn-ne le d’ chrois agus le d fhuil phrìseil, sàbhail sinn, agus dean comhnadh leinn, tha sinn a’ guidhe ort gu h-uiriosal, O Thighearna. ¶ An sin their a Ministeir. AN Tighearna Dia uile chumhachdaich, tha ’na chaisteal laidir do ’n mhuintir sin uile chuireas an dochas ann, ’ga bheil gach uile ní air neamh, agus air talamh, agus fo ’n talamh a lùba sios agus a’ geileadh, gu ’n rabh è air an àm so agus gu brath na dhidean dhuit; agus gu ’n tugadh è beachd agus mothachadh dhuit, nach ’eil ainm air bith eile fo neamh a thugadh seachad a’ measg dhaoine, ann agus trid am fead thu slainte cuirp agus anama fhaotain, ach amhain ainm ar Tighearn’ Josa Criosd. Amen. [TD 269] ¶ Agus an deigh sin their e, THA sinn ga d’ thoirt suas do thrôcair chaomh agus do dhion De. Gu ’n deanadh an Tighearna do bheannachadh, agus do ghleidheadh. Gu ’n tugadh an Tighearna air a ghnuis dealra ort, agus gu ’n roibh sè gràsail dhuit. Gu ’n togadh an Tighearna aghaidh suas ort, agus gu ’n tugadh è sith dhuit, a-raon, a nis agus gu brath. Amen. ¶ Urnuigh air son leanabh tinn. A Dhe uile chumhachdaich agus Athair thrócairaich, d’ am buin amhain criochan beatha agus bàis; tha sin gu h-uiriosal a’ guidhe ort, seall a nuas o neamh le suilibh do trocair, air an leanabh so, tha s-an àm so na luidhe air leabuidh tinneas: Thig ga amharc, O Thighearna, le d’ shlainte; fuasgail air ann s-an deagh àm a dh-orduich thu fein o chradh a chuirp, agus sabhaila anam air sgá do throcair: Chum ma s’i do dheagh thoil a laethin a chuir am fad ann so air talamh, gu ’m bi se beo dhuit se, agus na inneal air do ghloir, le seirbheis fhirineach a dheanamh dhuit, agus le maith a dheanamh ri a lìnn fein; air neo gabh è do na h ionadaibh comhnuidh neamhuidh sin, far am bheil anama na muintir ata cadal ann s-an Tighearn Josa a’ mealltuin fhois agus shonnas siorruidh. Deonuich so, O Thighearna: air sga do thròcair, ann a d’ Mhac ceudna ar Tighearna Josa Criosd, tha beo agus a’ riaghlachadh maille riut-sa agus ris an Spiorad Naomh, aon Dia gu brath, saoghal gun chrìch. ¶ Urnuigh air son neach tha tin, nuair nach ’eil ach beag dochas gu ’n leasuich e. O Athair na trocair, agus a Dhe nan uile sholas, ar n aon chamhnadh an am feum; tha sinn a ruith a t-ionsuidh air son cobhair as leath a neach so do sheirbheiseach, tha ’n so na luidhe fo d’ laimh ann a mór laigse cuirp. Amhairc gu gràsail air, O Thighearna; agus mar is mo tha ’n duine o ’n leath a muigh a’ caithe air falbh, tha sinn a’ guidhe ort, gu neartuicheadh tu móran na ’s mo an duine an taobh a stigh le d’ ghras agus le d’ Spiorad Naomh. Tabhair dha aithreachas neo-chealagach air son uile mhearach- [TD 270] dan a bheatha a chuaidh seachad, agus creidimh daingean ann a d’ Mhac Josa, gu ’m bi a pheacanna air an glanadh air falbh le d’ thròcair, agus a mhaitheanas daingnichte air neamh, mun d’ theid è a’ so, agus nach faicear è ni ’s mo. Tha fios again, O Tbighearna, nach ’eil focal air bith neo-chomasach dhuitse; agus ma ’s ail leat, ’s urrain thu a thogail suas a ris, agus a bhuanachadh na ’s fhaide ’n ar measg-na. Gidheadh, do bhri a reir an uile choslais gu bheil àm a chaochladh am fogus; ulluich agus deasuich è, tha sinn aig achanuich ort, mu chomhair uair a bhàis, a chum air dha siubhal a’s an t-saoghal so ann sith, agus ann a d’dheagh-ghean-sa, gu’m bi a anam air a ghabhail a steach do d’ rioghachd bhioth-bhuan fein, tre thoiltinis agus eidir-ghuidhe Josa Criosd t-aon ghin Mhic ar Tighearna agus ar Slanui’fhear. Amen. ¶ Urnuigh thoirt neach tin suas do Dhia nuair tha e dlu do ’n bhas. O Dhe uile chumhachdaich, ma ris am bheil spioradan nam firineach air deanamh iomlan beo, tareis doibh bhi air am fuasgladh as am priosanaibh talmhuidh; tha sinn gu h-uiriosal a’ toirt suas anam a’ neach so do sheirbheiseach, ar brathair gradhach, ann a d’ lamhaibh, mar ann lamhaibh Cruithfhear dileas, agus Slanuifhear ro throcaireach; a’ guidhe ort gu ro umhla gum biodh è luachmhor ann a d’shealla. Ionlaid e tha sinn aig achanuich ort, ann am fuil an Uain gun small sin a mharbhadh a chum peacaidh an t-saoghail a thoirt air falbh; ionnas ciod air bith salachaireachd a thionail è a’ meadhon an t-saoghail thruaighlidh agus aingidh so, tre ain-mianna na feola no tre chealgoireachd an diabhoil, air bhi dhoibh air an glanadh agus air an toirt air falbh, gu ’m bi è air a thaisbeineadh ann a d’lathair-se fior ghlan gun small. Agus teagaisg dhuiune ata fuireach beo nan deigh, ann so, agus n-ann leithidibh eile tha sinn a faicsin a’ básuchadh gach la, gu ’m faic sinn cia lag agus neo-chinnteach ata ar staid fein, agus ar laethin aireamh, chum gu ’n toir sinn suas ar cridheachan do rireamh do ’n ghliocas naomh agus neamhuidh sin, nuair tha sinn beo ann so air talamh, a bheir fa-dheoidh sinn gu beatha bhiothbhuan, tre thoiltinis Josa Criosd t aon Mhac ar Tighearna. Amen. [TD 271] ¶ Urnuigh air son dream tha fo thrioblaid inntin no fo thrioblaid cogais O Thighearna bheannuichte, Athair na tròcair, agus a Dhe nan uile shòlas, tha sinn a’ guidhe gu ’n amhairceadh tu nuas ann iochd agus ann truas air a neach so do sheirbheiseach ata fo amhghar. Tha thu a sgriobhadh nithe searbh na aghaidh, agus a toirt aingeachd a chaidh seachad a shealbheachadh; tha do chorruich gu trom air, agus, tha a anam làn do thrioblaid: Ach, O Dhe thròcairaich, a sgriobh t-fhocal naomh air son ar foghlam, a chum trid foighidin agus co-fhurtach do scriobtuirean naomh gu ’m biodh dòchas againn; thoir dha beachd ceart air fein, agus air do bhagraidh agus air do gheallaidh; chum nach tilg è air falbh a mhuinghin ann-ad, agus nach cuir è dhòchas ann àit’ air bith eile ach ann-adsa. Thoir dha neart ann aghaidh a bhuairibh uile, agus leighis uil’ easlaintin. Na bris a chuilc bhruighte, agus na mùch an lian a losgadh. Na dund suas do thròcair chaomh am fearg; ach thoir air gu ’n cluinn è aoibhneas agus subhachas, chum gu’n dean na cnamha bhrist thu gairdeachas. Saor è o eagal an namhaid, agus tog suas solas do ghnuis air, agus thoir sith dha, tre thoiltinis agus eidir-ghuidhe Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 272] Comanach nan Daoine TIN-NE. ¶ DO bhri gu bheil na h uile dhaoine basmhor buailteach do dh-iomad cunnart, easlaintin agus tinnisin obann, agus gun fhios ac’ uair air bith cuin a dhfhagas iad an saoghal so; Uime sin. chum gu ’m bi iad do ghna ullamh air son a bhais, nuair is toil leis an Dia uile chumhachdaich gairm orra, bheir na Ministeirin o am gu h-am (ach gu h araid ann am plaigh no tinneas gabhaltach air bith cile) earail dhurachdach do mhuintir an sgireachdan fein, chum Comanach naomh cuirp agus fola ar Slanuifhear Criosd a ghabhail gu minic, nuair a hhios e air a fhrithealadh gu follasach s-ann eaglais chum le so a dheanamh gu ’m bi aobhar na ’s lugha eugmha’s aca air fon mi shuaimhneas cridhe an nuair thig fiosrachadh obann orra. Ach mur urrain a neach ata tinn, teachd do ’n eaglais, agus gidheadh gu bheil togradh aige an Comanach a ghabhail ’na thigh fein, an sin feumaidh e fios thoirt do ’n Mhinisteir an am iomchuidh, aig inseadh mar an ceudna cia lion neach tha gus an Comanach a ghabhail ma ris, (oir is coir dithis, no triuir a bhi ann air a chuid a ’s lugha) agus air bhi do dh-aite iomchuidh ann tigh an duine thinn, maille ris gach ni feumail, ulmichte air doigh gu’m feud a Ministeir a fhrithealadh gu h urramach, bheir e ann sin seachad an Comanach naomh, a’ toiseach leis an Urnuigh, an Litir, agus an Soisgeul, a leanas ann so. An Urnuigh. A Dhe uile chumhachdaich shior mhairtheanaich, a Chruithfhear a chinnea-daoine, a chronuicheas an dream is gradhach leat, agus a smachduicheas gach neach a ghabhas tu a t’ ionsuidh; tha sinn aig achanuich gu ’n deana tu trocair air a’ neach so do sheirbheiseach air an do leig thu do lamh, agus deonuich gu ’n giulain è a thinneas gu foighidneach, agus gu ’m faigh è slainte a chuirp, (ma s’ i do thoil ghrásail, agus cia air bith àm a dh’fhàgas a anam an corp; gu ’m bi sè air a thoirt suas dhuitse gun smal, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Litir. Eabh. xii, 5. A Mhic, na cuir ann neo-pris smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich ’n uair a chronaichear leis thu: Oir an ti a’s ionmhuinn leis an Tighearna, smachduichidh sè è, agus sgiursaidh sè gach Mac ris an gabh è. [TD 273] An Soisgeul Ioin v, 24. GU deimhin deimhin deirim ribh, An ti dh’eisdeas re m’ fhocalsa, agus ata creidsin ann san ti a chuir uaithe mi, ’ta a’ bheatha mhairtheanaich aige, agus cha d’ thig se chum damnaidh; ach chuaidh se thairis o bhàs gu beatha. ¶ An deigh so, theid a’ Ministeir air aghaidh a reir an riaghailt a chuireadh sios roimh air son a chomanaich naomh, a toiseach aig na briathra so (Sibhse do ni, &c. ¶ Air am riarachadh na Sacramaint naoimh, gabhuidh a Ministeir an Comanach an toiseach e fein, agus an deigh sin bheir e dhoibhsin e ata gus an Comanach a ghabhail maille ris an duine thinn, agus fa dheireadh do ’n duine thinn fein. ¶ Mur gabh duine Sacramaint cuirp agus fola Chriosd, a chionn gu bheil e ro thinn, no chionn nach d’ fhuair a Ministeir fios ann am iomchuidh, no dhi cuideachd chum an Comanach, a ghabhail maille ris, no air son amla laghail air bith eile, teagaifgidh a Ministeir e, ma ni e fior aithreachas air son a pheacaidh, agus ma chreideas e gu seasmhach, gu’n d’ fhulaing Josa Criosd bas air a’ chran-cheusaidh air a shon sa; agus gu ’n do dhoirt e fhuil a chum a shaoradh, a geur chuimhneachadh nan Sochairean tha e faighail leo sin, agus a toirt buidheachas o chridhe dha air an son, gu bheil e ’g ith agus aig ol cuirp agus fola ar Slanui’fhear Criosd gu tarbhach chum slainte anama, ge d’ nach ’eil e gabhail an t Sacramaint le bheul. ¶ Nuair a thigear a dh’ amharc neach a tha tinn, agus a ghabhas e an Comanach naomh san am cheudna; an sin, a chum an tuille eallachd, criochnaidh a Ministeir an Riaghailt mu shealltuin dhaoine tinn aig an t Salm (Annadsa O Thighearna, chuir mi mo dhochas) agus theid e air ball air aghaidh chum a Chomanaich. ¶ Ann am plaigh, falluis, no ann am tinnis no easlaintin gabhaltach cosmhuil ri sin, nuair nach faighear neach air bith do mhuintir na sgireachd no do na coimhearsnuich gus an Comanach a ghabhail ma’ ris an droing a tha tinn, nan tighibh fein, air eagal cunnart o’n ghallair, air iarrtas durachdach a neach tha tinn, feudaidh a Ministeir e fein an Comanach a ghabhail ma’ ris. [TD 274] An t-Ordugh mu Adhlacadh nam MARBH. ¶ Tha e ’n so ri thoirt fai’near, nach gnathuichear an t seirbheis a leanas air son neach air bith a bhasuicheas gun bhaiste, no tha fo aseaoin-eaglais, no chuir lamh ann fein. ¶ Air coinneachadh a chuirp do ’n Mhinisteir agus do ’n luchd frithealaidh eile aig dorus a chlaigh, agus a dol roimhe, do ’n eaglais, no dh’ ionsuidh na h-uaighe, their no sinneadh iad. IS mise an eis-eirigh, agus a bheatha, a deir an Tighearna; an ti chreideas annamsa, ge do gheibheadh è bás, bithidh se beo. Agus ge b’e neach ata beo agus a’ creidsin annam-sa, cha ’n fhaigh à bás a chaoidh, Eoin xi, 25, 26. THA fios agaim gu bheil m’ fhear-saoruidh beo, agus gu ’n seas è air an talamh ann san la dheirionach. Agus ge do dh-itheas cnuimhean an corp so, an deigh mo chraicinn; gidheadh ann a m’ fheoil chi mi Dia; neach a chi mi air mo shon fein, agus beachduichidh mo shuil air, agus cha neach eile. Job xix, 25, 26, 27. CHA tug sinn aon ni a dh’ ionsuidh an t-saoghail so, agus is cinnteach nach urrain sinn nì air bith a thoirt as. ’S e n Tighearna a thug seachad, agus ’s è ’n Tighearna a thug air falbh, gu ma beannuichte ainm an Tighearna. 1 Tim. vi, 7. Job i, 21. [TD 275] ¶ An deigh dhoibh teachd a’ stigh do ’n eaglais, leabhar na Sailm so a leanas, no aon dhuibh. Dixi Custodiam. Salm xxxix. THubhairt mi, bheir mi fainear do m’ shlighibh; chum nach peacaich mi le m’ theangaidh. Coimhididh mi mo bheul mar gu ’m b’ ann le srian: am feadh a tha an t’ aingidh am lathair. Chum mi mo theangadh, agus cha do labhair mi a bheag; bha mi am’ thosd, seadh, eadhon o dheadh bhriathra; ach bha e na chradh agus na phein dhamh. Bha mo chridhe teith an taobh a stigh dhiom, agus am feadh a bha mi mar so ag smaointeacha; las an teine agus fa-dheoidh labhair mi le m’ theangaidh. A Thighearna thoir fios dhamh air mo chrich agus aireamh mo laithe; chum gu ’m bidhin cinnteach cia fhada bhios mi beo. Feuch, rinn thu mo laithibh mar leud boise; agus tha m’ aois eadhon mar neimhni da d’ thaobhsa, agus gu deimhin tha gach duine ta beo gu tur na diamhanas. Oir tha ’n duine gluasachd ann an sgaile diamhain, agus ga dheanamh fein neo shuaimhneach ann an diamhanas; tha e carnadh suas storais, agus cha n’ urradh dha innseadh co a chruinnicheas iad. Agus a nise, a Thighearna, ciod e mo dhochas; gu cinntach tha mo dhochas amhain annadsa. Saor mi o’m uile chionta; agus na dean mi am adhbhar maslaidh do ’n amadan. Dh’fhas mi balbh, agus cha d’fhosgail mi mo bheul; oir be so do dheanadas fein. Thoir air falbh do phlaigh uam; tha mi eadhon air mo chlaoidh air son truimid do laimh. Nuair a chronaicheas d’thu duine le smachdachuibh air son peacaidh, bheir thu air a mhaise caithe air falbh, mar chnuimh aig caithe aodaich; cha ’n ’eil gach duine uime sin ach nan diamhanas. Eisd m’ urnuigh, O Thighearna, agus le ’d chluasibh thoir fainear mo ghairm na biodh d’thosd re ma dheuramh. [TD 276] Oir tha mi am choigreach agadsa; agus am fhear turrais mar bha m’ aireacha uile. O caobhain mi car tamuill chum a ’s gu ’n nuadhaich mi mo neart; mu ’n d’theid mi thairis ’s nach fhaicear mi ni ’s mo. Gloir do ’n Athair, agus do ’n Mhac, agus do ’n Spiorad Naomh; Mar bha ann tùs, ata anois, agus a bhios gu brath, saoghal gu ’n chrich. Amen. Domine Refugium. Salm xc. A Thighearna, bu d’ thu ar tearmunn o aon ghinealach gu ginealach eile. Mu ’n deach na sleibhte thoirt amach na riamh mu ’n d’ rinneadh an talamh agus an saoghal (is d’ thusa Dia o bhith-bhuantachd, agus saoghal gun chrich. Pillear leat an duine gu sgrios; agus a ris a deir thu, thigibh a ris air bhur ais, sibhse chlann nan daoine. Oir ann a’ d’ lathair tha mile bliadhna mar an la ’n de; air dha dol seachad mar fhaire san oidhche. Co luath sa sgabas d’thu iad, tha iad eadhon mar aislein: agus seargaidh iad gu h-obann air falbh mar fheur. Ann sa mhaidin tha e uaine agus aig fas suas; ach mu fh’easgar tha e air a ghearra sios, air a thior macha suas, agus air seargadh. Oir caithe sinn air falbh ann a d’ teasfheirg, agus tha sinn fuidh eagal a’ d’ throm chorruich. Chuir thu ar droch gniomharra annad lathair; agus ar peacaibh diomhair ann an solus do ghnuise. Oir ’nuair a tha corruich ort tha ar ’n uile laithe air dol thairis: tha sinn toirt ar bliadhna gu crich mar sgeul a dh’ innsear. ’Siad laithe ar ’naois tri fichiod bliadhna sa deich, agus ge do roibh daoine cho neartmhor ’s gu ’n thig iad gu ceithir fichiod bliadhna; gidheadh cha ’n ’eil ann spionnadh an sin, ach saothair agus bron; ceart co luath a shiuileas e air falbh, agus cha ’n ’eil sinn idir ann. Ach cia bheir aire do neart do chorruich; oir an deigh laimhe mar ghabhas duine eagal, mar sin tha do throm fheirg. Mar sin teagaisg duinn ar laithe aireamh; chum ’s gun cleachd sinn ar cridhe chum gliocas. [TD 277] Pill thusa a ris, O Thighearna, mu dheire; agus bidh grasmhor ri d’ sheirbhisich. O sasuich sinn le d’ throcair, agus sin gu grad; ’s mar sin ni sinn gairdeachas, agus bidh sinn aoibhin re uile laithe ar beatha. Thoir comhfhurtachd dhuinn anise aris an deigh dhuit plaigh chuir nar carruibh; agus air son na’m bliadhna ann san dfhuilling sinn bochduin. Feuch do d’ sheirbhisich t ’obair; agus do ghloir da ’n cloinn. Agus gu robh uile mhorachd ghlormhor an Tighearna ar Dia oirne; soirbhich thusa dhuinn obair ar lamhan, o soirbhich thus obair ar lamh. Gloir do’n Athair, &c. Mar bha air tus, &c. ¶ An sin leanuidh an leasan air a thoirt as a chuigeadh caibdeil deug do cheud litir Phoil a chum nan Corinthianach. 1 Cor. xv, 20. NISE tha Criosd air eirigh o na mairbh, agus rinneadh an ceud thoradh dhiubhsan a choidil deth. Oir mar is ann tre dhuine thainig am bàs, is ann tre dhuine thig ais-eirigh nam marbh mar an ceudna. Oir mar ann Adhamh ata gach uile ag faghail a’ bhais, is amhuil sin mar an ceudna a nithear gach uile beo ann Criosd. Ach gach uile dhuine ’n a òrdugh fein; Criosd an ceud thoradh, ’n a dhiaigh sin iadsan a ’s le Criosd aig a theachd. Ann sin bithidh a’ chrioch dheireannach, ’n uair a bheir è suas an rioghachd do Dhia, eadhon an t-Athair; ’nuair a chuireas è fios gach uile uachdaranachd agus gach uile ughdarras, agus cumhachd. Oir is eigin gu ’n rioghaich se, gus an cuir è a naimhde uile fuidh chosaibh. Is è an namhad deireannach a sgriosar, am bás. Oir chuir è na h uile nithe fuidh chosaibh. Ach ’n uair a deir è gur chuir sè na huile nithe fuidh, is ni follasach gu bheil eisean a chuir gach uile nithe fuidh, ann leith ’muigh dheith so. Agus ’n uair a chuir’ear na h uile nithe fuidh, ann sin bithidh am Mac fein fuidh ’n ti a chuir na h uile nithe fuidh-sin, chum gu ’m bi Dia ’n a uile ann s gach uile. No ciod a ni iadsan, a bhaistear [TD 278] air son nam marbh, mur eirich na mairbh air aon doigh? c’ ar son ma seadh a bhaistear iad air son nam mairbh? Agus c’ ar son ata sinne ann gabhadh s gach uair? Air bhur gairdeachas sa a ’ta agam ann Josa Criosd ar Tighearna, ’ta mi faghail a’ bhais gach la. Ma chog mi mar dhuine re fiadh-bheistibh ann Ephesus, ciod i mo thairbhe, mur eirich na mairbh? itheamaid agus olamaid, oir am marach gheibh sinn bas. Na meallar sibh; truaillibh droch chomhradh deadh bheusa. Duisgibh chum fìreantachd, agus na deanamh peacaidh; oir ni ’m bheil eolas De aig cuid; chum bhur naire labhram so. Ach a deir neach eigin, Cionnas a dh’ eir’eas na mairbh? Agus ciod a’ ghne cuirp leis an d’ thig iad? Amadain, a ni sin a chuireas tu, cha bheothaichear è, mur basaich sè air tùs. Agus an ni a chuireas tu, cha ’n è an corp a bhitheas a ’ta thu cur, ach grainne lom, feudaidh bith do chrui’neachd, no do sheorta eigin eile. Ach ata Dia a’ toirt cuirp dha mur bu toil leis, agus do gach uile shiol a chorp fein. Cha’n aon fheoil gach uile fheoil; ach ata feoil air leith aig daoinibh, agus feoil eil’ aig ainmhidhibh, feoil eil’ aig iasgaibh, agus feoil eil’ aig eunlaithibh. Agus ata cuirp neamhaidh ann, agus cuirp thalmhaidh; gidheadh ata gloir air leith aig na corpaibh neamhaidh, agus gloir eil’ aig na corpaibh talmhaidh. ’Ta aon ghloir aig a’ ghrèin, agus gloir eil’ aig a’ ghealaich, agus gloir eil’ aig na reultaibh; oir ata eidir-dhealachadh eidear reult agus reult thaobh gloire. Is ann mar sin fos a bhios ais-eirigh nam marbh. Cuir’ear è ann eas-onoir, tog’ar ann gloir è; cuir’ear ann anmhuinneachd è, eir’idh sè ann cumhachd; Cuir’ear è na chorp nadurra, eir’idh se na chorp spioradail. ’Ta corp nadurra ann, agus corp spioradail. Agus mar so a ’ta è sgriobhta, Rinneadh an ceud duine Adhamh ’n a anam beo, an t Adhamh deireannach ’n a Spiorad a bheothaicheas. Gidheadh cha ’n è an ni spioradail a bha ann air tus, ach an ni nàdurra; agus ’n a dhiaigh sin an ni spioradail. An ceud duine o ’n talamh, talmhaidh; an dara duine an Tighearna o neamh. Mar an duine talmhaidh, is amhuil sin fos iadsan a ’ta talmhaidh; agus mar ata an duine neamhaidh, is ann mar sin iadsan a ’ta neamhaidh. Agus mar a ghiulain sinn iomhaigh an duine thalmhaidh, giulainidh sinn fos iomhaigh an duine neamhaidh. ’Noise so a deiream, a bhraithre, nach feudar le feoil agus fuil rioghachd Dhe a shealbhachadh mar oighreachd; ni mo a shealbhaicheas truaill’eachd neo thruaill’eachd. Fèuch labhram ni diomhair ribh; Cha choidil sinn uil’ ach caochlaidhear [TD 279] sinn uile. Am mionaid, am prioba’ na sul, re guth na trompaide deireannaich, (oir goiridh an trompaid) agus eir’idh na mairbh neo-thruailleadh, agus caochlaidhear sinne. Oir is eigin do ’n ni thruillidh so neo-thruaill’eachd a chur uime, agus do ’n ni bhasmhor so neo-bhasmhorachd a chur uime. Agus ’n uair a chuireas an ni truaillidh so neo-thruaill’eachd uime, agus a chuireas an ni basmhor so neo-bhasmhorachd uime, ann sin coi’-lionar am socal a ’ta sgriobhta, Shluigeadh suas am bas le buaidh. O bhàis, c’ ait’ am bheil do ghath; O uaigh, c’ait’ am bheil do bhuaidh? Is è am peacadh gath a’ bhais; agus is é neart a’ pheacaidh an lagh. Ach buidheachas do Dhia, a ’ta toirt dhuinne na buadha, trid ar Tighearna Josa Criosd. Uime sin, mo bhraithre gradhach, bithibhse daingean, neochorach, a sir-mheudachadh ann obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhi agaibh nach ’eil bhur saothair diomhaoineach ann san Tighearna. ¶ Nuair thig iad a chum na h uaighe, an tra bhios an corp ’ga dheanamh ullamh gu chuir san talamh, their a ministeir, no seinnidh a Ministeir no na Cleirich. DUine ’ta air a bhreith le mnaoi, tha shaoghal gearr, agus lan do thrioblaid. Tha è fás suas, agus air a ghearradh sios mar bhla; teichidh sè air falbh mar fhaileas, agus cha bhuanuich è idir ann aon staid. Ann a meadhon beatha tha sinn ann am bas; co uaith air bith am feud sinn cobhair iarruidh, ach uatsa, O Thighearna tha gu ceart fo chorruich air son ar peacaidh-ne? Gidheadh, O Thighearna Dhia ro naomha, O Thighearn ro chumhachduich, O Slanuifhear naoimh agus ro throcairich, na tabhair thairis sinn do ghèur phiantaibh a bhàis shiorruidh. A Thighearna, tha fios agad air nithe diamhair ar cridheachan; na druid do chluasan trocaireach r’ ar n-urnuighean; ach caomhain sinn, a Thighearna ro naomh, O Dhe ro chumhachduich, O Slanui-fhear naomh agus throcairich, thusa a bhreitheamh ro fhoghaintich shiorruidh, na leig dhuinn san uair dheirinnich le cràdh air bith bais tuitim air falbh uat-sa. [TD 280] ¶ An sin a nuair a bhios cuid do ’n mhuintir tha ’nan seasamh a lathair a cuir uir air a chorp, their a’ Ministeir. DO bhri gu ’m bi toil an De uile chumhachduich d’ a mhòr thròcair anam ar brathar ghradhuich so a fhuair bas a ghabhail thuige fein, tha sinne air an aobhar sin a’ toirt a chuirp do ’n talamh; talamh do thalamh, luaithre do luaithre, duslach do dhuslach, ann dochas cinnteach daingean ri eis-eirigh chum na beatha shiorruidh, trid ar Tighearn Josa Criosd, a chaochlas ar corp graineil, chum gu ’m bi è cosmhuil re chorp glormhor fein, a reir an oibricheadh chumhachduich, leis am bheil è comasach na h-uile nithe chionnsachadh dha fein. ¶ An sin theirear no sinnear. CHuala mi guth o neamh, ag radh rium, sgriobh: ’S beannuichte na mairbh ata faghail bais san Tighearna, o so a-mach; seadh, a deir an Spioraid; oir tha iad a’ gabhail fois o ’n Saothair. Tais. xiv, 13. ¶ An sin their a Ministeir, A Thighearna, dean tròcair oirn. A Chriosd dean trocair oiru. A Thighearna, dean trocair oirn. AR n’ Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith dhuinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. A Ministeir. A Dhe uile chumhachduich, maille ris am bheil Spioraid na muintir sin beo a gheabh bas san Tighearna, agus maille ris am bheil anamanna nan creidmheach ann gairdeachas agus ann sonas, an deigh doibh bhi air am fuasgladh o uallaich na feola; tha sinn a’ toirt buidheachais dhuit o ’r cridhe, do bhri gu ma toil leat a neach so ar brathair a shaoradh o [TD 281] thrioblaidibh an t’ saoghail pheacaich so; a guidhe gu ma toil leat do d’ mhaitheas grásail, aireamh do dhaoine taoghta fein a dheanamh suas gu grad, agus do rioghachd a luathachadh, chum gu ’m fead sinn-ne, ma ris a mhuintir sin uile a fhuair bàs ann am fior chreideamh t’ ainm naomh-sa, crioch agus sólas iomlan a bhi againn, araon ann corp agus ann anam, ann a d’ ghlóir shiorruidh agus bhioth-bhuan, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Urnuigh. O Dhe throcairich, Athair ar Tighearna Josa Criosd a neach a se an eis-eirigh agus a bheatha; co air bith a chreideas ann, bithidh se beo, ge do gheabh se bas; agus co air bith ata beo agus a’ chreidsin ann-san, cha ’n fhuigh è bàs siorruidh; neach a theagaisg dhuinn mar an ceudna (le Abstol naomh Pol) gun bhi fo mhulad, mar dhaoine gun dochas, air son na muintir a choidleas ann-san; guidhemid gu macanta ort, O Athair gu ’n togadh tu sinn o bhàs a pheacaidh gu beatha na fireantachd; chum a nuar a dh’ fhágas sinn a bheatha so, gu’n dean finn fois ann-san, mar tha dochas againn gu bheil a’ neach so ar brathair a deanamh, agus aig an eis-eirigh choitchionn air an la dheirianach gu ’m faighear sinn taitneach ann a d’ shealla, agus gu ’m fuigh sinn am beannuchadh a labhras do Mhac gradhach air an àm sin ris a mhuintir, sin uile leis an gradhach thu, agus air am bheil t’eagal, ag radh, Thigibh, sibh-se, chlann bheannuichte m’ Athar-sa, gabhuidh an rioghachd a dh’ ulluicheadh air ’ur son o thoiseach an t’ saoghail. Deonuich so, tha sinn aig achanuich ort, O Athair throcairich, trid Josa Criosd ar n-eidir mheadheon-fhear agus fear-saoruidh. Amen. GRas ar Tighearna Josa Criosd, agus gradh Dhe, agus co’-chomunn an Spioraid Naoimh, gu rabh maille ribh uile. Amen. [TD 282] An Tabhairt Bhuidheachais BHAN an deigh CLOIN-BHREITH, ris an abrar gu coitchionn, Coisrigeadh nam Ban. ¶ Air an am ghnathaichte an deigh a h aisaid, thig a bhean ann truscan eireachdail do ’n eaglais, agus ann sin sleuehduidh si sios ann ait eigin iomchuidh, mar bu chleachd a dheanamh, no mar a dh’ orduicheas an Easbuig, agus an sin their a Ministeir ria. DO bhri gu ’m b’ì toil an Dè uile chumhachduich, d’ a mhòr mhaitheas fuasgladh sabhailte thoirt dhuitse, agus gu ’n do ghleidh se thu ann sa’ mhor chunnart ann rabh thu ri am breath cloinn, uime fin bheir thu buidheachas do Dhia o d’ chridhe, agus their thu, ¶ An sin their a Ministeir an Salm cxvi. Dilexi, quoniam. THA mi deagh thoilichte; gu ’n cuala ’n Tighearna guth m’ urnuigh. Gu ’n d’ aom e chluas rium; uime sin gairmidh mi air co fhad sas beo mi. Dhiadh eangaich a bhais ma n’ cuart orm; agus fhuair pianta Ifrein greim orm. Mhothaichidh me trioblaid agus leandudh; agus ghair mi air ainm ’m Thighearna: O Thighearna, guidheim ort, saor m’ anam. ’S grasmhor ’n Tighearn, agus is fireanach, seadh, ’S trocaireach ar Dia. Coimhididh ’n Tighearn an simpli; bha mi ann an truaighe, agus rinn e cobhair orm. O m’ anam, ma seadh pill aris ri t’fhois; oir thug Dia duais dhuit. [TD 283] Agus car son? shaor thu m’ anam o’n bhas; mo shuile o dheoir, agus mo chasan o thuiteam. Gluaiseam an lathair ’n Tighearna; ann an tir nam beo. Chreid mi, agus uime sin labhram; ach bha mi fo thrioblaid gheur; thuirt mi ann am dhifir, ’s breugairean na huile dhaoine. Ciod ’n duais a bheir mi do ’n Tighearna; air son na h uile shochair a rinn e dhomh. Glacam cupan na slainte; agus gairmidh mi air ainm an Tighearn. Iocaidh mi mo mhoidean do ’n Tighearna, ’n lathair a shluaidh uile: ann an cuirtibh tigh an Tighearna, eadhoin ann a’d mheadhon, O Jerusaleim. Molaidh an Tighearna. Gloir do’n Athair, &c. Mar bha ann tus, &c. ¶ No an t’ Salm so. Nisi Dominus. Salm cxxvii. NI slugha na thogas ’n Tighearna an tigh; cha ’n ’eil an soathoir sin tha ga thogal, ach cailte. Ni slugha na ghleidheas an Tighearna m’baille; cha ’n eil am fear faire ach na dhuisg gu diomhain. Cha n’eil ach saothar chailte dhuibh deifir a dheanamh gu eiridh moch, agus fois a ghabhail cho an-moch. agus aran an neo-churam ithi; oir mar sin bheir e cadul d’a mhuintir ionmhuin fein. Feuch. is oighreachd agus tiolaca tha teachd o’n Tighearna, clann agus toradh na bronn. Mar tha na saighde an laimh an fhuamh fhear; direach mar sin tha chlann og. Sonadh n’ duine aig am bheil a bholg saighead, lan diu; cha bhi naire orra n uair a labhras iad ri naimhde ann sa gheata. Gloir do’n Athair, &c. Mar bha ann tus, &c. ¶ An sin their a Ministeir, Deanamaid Urnuigh. A Thighearna dean tròcair oirn. [TD 284] A Chriosd dean trocair oirn. A Thighearna dean tròcair oirn. AR n’ Athair, ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith dhuinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. M. O Thighearna sabhail a bhean so do sheirbheiseach; F. Tha cuir a dochais annad. M. Bi thusa a d’ chaisteal laidir dh’ ì, F. O aghaidh a namhad. M. O Thighearna eisd r’ ar n-urnuigh. F. Agus thigeadh ar glaodh do t’ ionsuidh. Minister. Deanamaid Urnuigh. O Dhe uile chumhachdaich, tha sinn a toirt buidheachas iriosal dhuit-se, gu’n do dheonuich thu a bhean so do bhan-oglach a shaoradh o mhor chradh agus cunnart a luigh-siubhladh: Tha sinn aig achanuich ort, Athair is mo tròcair, deonuich dh’ ì le d’ chònadh a beatha a chaithe gu creidmheach, agus gluasad a reir do thoil ann sa’ bheatha so ’ta lathair, agus mar an ceudna gu ’m bi co-pairt aice do ghloir shiorruidh ann sa bheatha ata re teachd, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ A bhean a thig do thoirt buidheachais, feumaidh s’ i an tabhartas g nathuichte a thoirt seachad; agus ma bhios comanach ann, is coir dhan Comanach naomh a ghabhail. [TD 285] CO-BHAGRADH, no Corruich agus Breitheamhnais Dhe air am foillseachadh an aghaidh pheacairean, agus urnuighean araid ra ’n gnathuchadh air a’ cheud la do ’n Charghas, agus air amanna eile, mar a dh-orduicheas an t’ Easbuig. ¶ An deigh na h urnuigh Mhaidne, air do ’n Liotan a bhi thairis a reir an doigh ghnathuichte, their a Ministeir ann aite an leughaidh no sa’ chrannaig. A Bhraithre, bha gnathachadh diaghaidh ann sa’ phriomh eaglais, ann toiseach a Charghais, gu ’m bi a Mhuintir a rinn mhor pheaca comhruichte, air an cuir gu aithreachas follasach; agus air am peanasachadh sann t-saoghal so, chum gu ’m biodh am anama tearuinte ann la an Tighearna; agus air do dhaoine eile bhi air an teagaisg le ’n eisempleir fin, gu ’m biodh tuill’ eagail orra roimh pheaca. Ann àite sin (gus am bi ’n gnathachadh eaglais ceudna air a thoirt air ais a rithist, ni tha ri mhiannachadh gu mòr) chunncas iomchuidh air an àm so (ann bhur lathairse uile) gu’m biodh earruinean cumanta do mhallachd Dhe an aghaidh pheacairean nach dean aithreachas, air an toirt as an t-seachdabh caibdeil thar an fhichiod do Dheutoronomi, agus as aitibh eile do ’n Scriobtuir, air an leughadh; agus gu ’m freagradh sibh-se do gach earruin, Amen; a chum air fios fhaghail dhuibh ciod i mor dhibh-fheirg Dhe an aghaidh pheacairean, gu ’m bi sibh ni ’s mo air ’ur brosnuchadh gu fior aithreachas durachdach, agus gu ’n gluais sibh na ’s faicillich ann sna laethibh cunnart- [TD 286] ach so; a’ teicheadh o na dubhailcibh tha toilltin mallachd Dhe le h-aidmheil ’ur beoil fein. MAlluichte gu ’n rabh an duine a ni dealbh snaighte no leaghta, chum aoradh dha. Deut. xxvii, 15. ¶ Agus freagraidh an sluagh, agus their iad, Amen. M. Malluichte gu ’n rabh eisin a mhalluicheas Athair agus a mhathair. Rann 16. F. Amen. M. Malluichte gu ’n rabh eisin a dh’ atharruicheas crioch fearain a choimhearsnuich, rann 17. F. Amen. M. Malluichte gu ’n rabh eisean a chuireas an dall air seacharan san t-slighe, rann 18. F. Amen. M. Malluichte gu ’n rabh eisean a chlaonas breitheanas a choigrich, an dilleachdain, agus na bantraich, rann 19, F. Amen. M. Malluichte gu ’n rabh eisin a bhuaileas a choimhearsnach gu h-uaigneach, rann 24. F. Amen. M. Malluichte gu ’n rabh eisin a luidheas le bean a choimhearsnuich. Lebh. xx, 10. F. Amen. M. Malluichte gu ’n rabh eisin a ghabhas duais air son duine neo-chiontach a mharbhadh, Deut. xxvii, 25. F. Amen. M. Malluichte gu ’n rabh eisin a chuireas a dhochas ann duine, agus a ni feoil na gairdean da, agus ’na chridhe ata claonadh air falbh o ’n Tighearna, Jerm. 2vii, 5. F. Amen. M. Malluichte gu ’n rabh na daoine neo-iochdmhor, luchd striopachais, luchd adhaltrannais, daoine sanntach, luchd iodhal-aodhraidh, luchd ana-caint, meisgeirean, agus luchd breith air eigin, Mhat. xxv, 41. 1 Cor. vi, 9, 10. F. Amen. [TD 287] Ministeir. NISE do bhri gu bheil a mhuintir sin uile malluichte (mar ata ’m faidh Daibhi a deanamh fia’nuis) tha a’ mearachd agus a’ dol air seacharan o aitheantibh Dhe, (air dhuinne bhi cuimhneachail air a bhreitheanas uabhasach tha ’n crochadh os ar ceann, agus do ghna ullamh gu tuiteam oirn) pilleamaid a dh’ ionsuidh an Tighearna Dia, leis gach uile cho-bhruthadh agus ciuineachd cridhe; a’ deanamh caoidh agus bròn air son ar beatha pheacach, aig aithneachadh agus aig aidmheil ar ciontaibh, agus aig iarruidh toradh diongalta an aithreachais a thoirt uainn. Oir anios ata ’n tuagh air a cuir gu freamh nan craobh, agus gach craobh nach toir amach deagh thoradh, gearrar sios i, agus tilgear i s-ann teine. Is ni uabhasach tuiteam ann lamhan an De bheo; doirtidh é nuas uisge air na peacairean, ruibeachan, teinne agus pronasc, stoirm agus doinnean; ’s è so is cuibhrin dhoibh ri òl; oir feuch, thainig an Tighearna as ionad comhnuidh a dh’ fhiosrachadh aingeachd na muintir ata gabhail comhnuidh air an talamh. Ach co ’s urrain la ’a theachd fhulang? Co a’s urrain seasamh a nuair a thaisbeineas è è fein? Tha fhasgnadh na laimh, agus glanaidh sè urlar bualaidh, agus tionallaidh è a chruineachd ga shabhall, ach loisgidh è a moll le teine nach feudar a mhuchadh. Thig la ’n Tighearna mar ghaduich s-ann oidhche; agus a nuair a their iad, Sith, agus ata na h-uile ni sabhailt, an sin thig sgrios obann orra, mar thig doilgheas air mnaoi ri saothair cloinne, agus cha dh’ theid iad as. An sin foillsichear fearg Dhe ann la an dioghailtais, a rinn peacaich an dana, tre chrosantachd an cridhe, a charnadh suas dhoibh fein, dream a rinn dimheas air maitheas, foighidin agus fad fhulangas Dhe, nuair a bha è ’g an sior ghairm gu h-aithreachas. An sin glaodhuidh iad orm-sa (a deir an Tighearna) ach cha ’n eisd me; iarruidh iad mi gu moch, ach cha ’n fhaigh iad mi; agus sin do bhri gu ’n d-fhuaithaich iad eolas, agus nach do ghabh iad eagal an Tighearna, ach ghabh iad grain do m’chomhairle, agus rinn iad di-mheas air mo smachduchach. An sin bithidh se tuille ’s ana-moch bualladh aig an doras nuair a bhios an dorus air a dhunadh; agus tuille is ana-moch a bhi aig eigheach trocair nuair ata am ceartais ann. Och an guth uabhasach a bhreitheanais ro cheart, a bheirear amach orra, nuair a theirear riu, Imichibh sibhse ’ta malluichte dh’ ionsuìdh an teine shiorruidhe, a dh’ ulluicheadh do [TD 288] ’n diabhol agus d’ a ainglibh. Uime sin, a bhraithre, thugamaid aire s-ann am, nuair tha la na slainte ann, oir thig an oidhche ann ’s nach urrain neach air bith obair a dheanamh; ach am fad ’s ata ’n solus again-ne, creideamaid, s-ann t’ solus, agus gluaiseamaid mar chloinn an t’ solus, chum nach tilgear sinn ann dorchadas iomalach, far am bheil gul agus giosgan fhiacla. Na mi ghnathuicheadh-mid maitheas De, tha gu trocaireach ’g ar gairm gu leasachadh beatha, agus do iochd gun chrich-sin tha gealla dhuinn maitheanas ann ’s na chaidh seachad, ma philleas sinn d’ a ionsuidh le cridhe fior agus iomlan. Oir ge do tha ar peacanna dearg mar an Scarlaid, bithidh iad air an deanamh geal mar an sneachda; agus ge do rabh iad mar churcair, gidheadh deanar iad geal mar oluinn. Pillibh, (a deir ar Tighearna) o bhur n-uile aingeachd, agus cha bhi bhur peaca na sgrios dhuibh. Tilgibh air falbh uaibh ’ur mi dhiaghachd uile a rinn sibh, deanuibh cridheachan nuadh, dhuibh fein, c’air son a bhasuicheas sibh, O thigh Israel, do bhri nach ’eil tlachd agam-sa ann am bàs a neach sin ata basuchadh, a deir an Tighearna Dia? Pillibh ma seadh, agus bithidh sibh beo. Ge do pheacaich sinn, gidheadh tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Josa Criosd am firean, agus is eisin an iobairt reitich air son ar peacaidh. Oir leonadh è air son ar cionntaidh-ne, agus bhuaileadh è air son ar n-aingeachd. Uime sin pilleadh-mid d’ a ionsuidh-se, a ghabhas gu trocaireach ris gach peacair a ni fior aithreachas, air bhi lan dheirbhte dhuinn gu bheil è ullamh a ghabhail ruinne, agus lan toilleach gu mhaitheanas a thoirt dhuinn, mu thig sinn na ionsuidh le fior aithreachas; mu gheileas sinn dha, agus gu ’n gluais sinn ’n a shlighibh o so suas; mu ghabhas sinn oirn fein a chuing-sin a tha so-ghiulan, agus eallach-san ata ea-trom, a chum esin a leantuin ann irisleachd, am foighidin, agus ann gradh, agus a bhi air ar stiuradh le riaghladh a Spiorad Naoimh san; do ghna aig iarruidh a ghloir-sin, agus a deanamh seirbheis dha ann ar staid shoaghaltach mar is cubhaidh le taingealachd. Ma ni sinn so, saoraidh Criosd sinn o mhallachd an lagha, agus o ’n mhallachadh ro mhor a thuiteas orra san a bhios air an cuir air an laimh chli: agus cuiridh è sinn air a laimh dheis, agus bheir è dhuinn beannachadh grasail Athar, aig iarruidh oirn seilbh a ghabhail d’ a rioghachd ghlormhor fein; agus gu ’n deonuicheadh è ar toirt uile d’ a h-ionsuidh, air son a throcair gun chrich. Amen. [TD 289] ¶ An sin theid iad uile air an gluinibh, agus air bhi do ’n Mhinisteir agus do na cleirich air an gluinibh (s-ann aite ann cleachd leo an liodan a radh) their iad an t Salm so, Miserere mei Deus. Sal li. DEAN trocair oirn, O Dhe, a reir do mhor mhaitheas; a reir lionmhoireachd throcaire, duth as mo lochda. Ionlaid mi gu glan o ’m aingeachd; agus glan mi o ’m pheaca. Oir tha mi ’g aideacha mo choireana; agus tha mo pheaca a ghna am fhia’nais. A’t aghaidhse amhain pheacaich mi, agus rinn mi ’n tolc so ann a’d shealla; chum gu ’m bithe tu air t’fhireanacha ann a’d bhriathra, agus glan ’nuair bheirte breith ort. Feuch, bha mi air mo chumadh an aingeachd; agus ann am peaca thorriche mo mhathair orm. Ach feuch, iarruidh tu firinn an leith a stigh; agus bheir thu orm gu ’m tuig mi gliocas gu uaigneach. Glanaidh thu mi le hisop, agus bithidh mi glan; ni thu m’ionlaid, agus bithidh mi ni sgile na sneachda. Bheir thu orm gu ’n cluinn mi mu aoibhneas agus aiteas; chum gu ’n dean na cnamhan a bhris thu gairdeachas. Tionda do ghnuis o’m pheacaibh; agus cuir as m’eacoire gu leir. Dean dhomh cridhe glan, O Dhia, agus athnuadhaich spiorad ceart an taobh a stigh dhiom. Na tilg o’ d’ lathair mi; agus na toir do Spiorad Naomha uam. O thoir dhomh solas do chobhair aris; agus daingnich mi le d’ Spiorad saor. ’N sin teagaisgeadh mi do shlighe do ’n aingidh; agus iompoichear peacaire a’d ’ionnsuidh. Saor mi o chionta fala, O Dhia, thusa tha a’ d’ Dhia slainte dhomh; agus seinnidh mo theanga air t’ fhireantachd: Fosglaidh thu mo bhile, O Thighearna; agus foillsichidh mo bheul do mholadh. Oir cha ’n ’eil thu ’g iarruidh iobairt, no bheirinn duit i; cha ’n ’eil thu gabhail tlachd ann an ofraile loisgte. Se ’n spiorad tuirseach iobairt Dhia, cridhe brist agus bruite, cha dean thusa tar air O Dhia. O bi fabhorach agus grasmhor do Shion; tog suas ballachan Hierusalem. [TD 290] ’N sin bithidh tu toilichte le iobairt fhireantachd, le ofraile agus tabhartais loisgte; ’n sin tairgidh iad tairbh oga air t’altair. Gloir do ’n Athair, &c. Mar bha an tùs, &c. A Thighearna dean trocair oirn. A Chriosda, dean trocair oirn. A Thighearna, dean trocair oirn. AR n-Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith dhuinne ar ciontaibh, mar a mhaitheas sin dhiobhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn o olc. Amen. M. O Thighearna sabhail do sheirbheisich. F. Tha cuir an dochas ann-ad. M. Cuir comhnadh d’ an ionsuidh o neamh. F. Agus dion gu cumhaichdaichd iad gu siorruidh. M. Cuidich sinn, O Dhe ar Slanuifhear. F. Agus air son gloir t’ainm saor sin; bi trocaireach dhuinne peacairean, air sga t’ainm. M. O Thighearna, eisd r’ ar n-urnuigh. F. Agus thigeadh ar glaodh do t’ionnsuidh. Ministeir. Deanamaid Urnuigh. O Thighearna, tha sinn a’ guidhe ort eisd gu trocaireach r’ ar n-urnuigh, agus caomhain an dream sin uile ata ’g aideachadh am peacaidh dhuit-se, chum gu ’m faigh a mhuintir sin aig am bheil an coguisean ’g an diteadh le peaca, fuasgladh le d’ mhaitheanas trocaireach, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. O Dhe ro chumhaichdaich, agus Athair throcaireach, aig am bheil iochd ris na h-uile dhaoine, agus leis nach fuathach ni air bith a rinn thu, aig nach ’eil tlachd an am bas pea- [TD 291] cair, ach leis am b’ fhearr gu ’m pilleadh è o pheaca, agus gu ’m biodh è air a shabhaladh; maith dhuinne gu trocaireach ar cionntaidh; gabh ruinn, agus thoir solas dhuinne, tha muladach agus sgith le eallach ar peacaidh. ’S è do natar-sa do ghna bhi trocaireach; dhuit-se amhain buinidh maitheanas peacaidh. Air an aobhar sin caomhain sinn, a Thighearna mhaith, caomhain do shluagh a shaoradh leat; na toisich a’ m breitheanas le d’ sheirbheisich, tha nan duslach graineil agus na ’m peacaich thruagh; ach pill do chorruich air falbh uainne, ata gu h-uiriosal aig aideachadh ar grainealachd, agus a deanamh fior aithreachas air son ar coirreanna; agus dean deifir d’ ar cuideachadh s ann t-saoghal so, chum gu ’m bi sin gu brath beo maille riut s ann t-saoghal ata ri teachd, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin their an sluagh na briathra so a leanas an deigh a Mhinisteir. PIll sinn, O Thighearna mhaith, agus mar sin bithidh sinn air ar pilleadh. Bi fabharach, O Thighearna, bi fabharach do d’shluagh fein, tha pilltin do t-ionnsuidh le gul, le trasg, agus le urnuigh. Oir is Dia trocaireach thusa, lan do thruacantachd, fad-fhulangach, agus ro iochd-mhor. Tha thu ’g ar caomhnadh nuair tha sinn a’ toilltin peanais, agus ann a’ t-fheirg tha thu smuainteach air trocair. Caomhain do phobul fein, a Thighearna mhaith, coigil iad, agus na tigeadh t-oighreachd gu masladh. Eisd ruinn, O Thighearna, oir is mor t-iochd, agus a reir lionmhoireachd do throcairean amhairc oirne trid toillteanas agus eidir-ghuidhe do Mhic bheannuichte Josa Criosd ar Tighearna. Amen. GU ’m beannuicheadh, agus gu ’n gleidheadh an Tighearna sinn; gu ’n togadh an Tighearna solus a ghnuis suas oirn, agus gu ’n tugadh è dhuinn sith nis agus gu siorruidh. Amen. [TD 292] SAILM DHAIBHI AIR AM PONCADH, MAR THA IAD RA ’N SEINN NO RA ’N LABHAIRT ANN AN EAGLAISIBH. URNUIGH MHAIDNE. Cheud Latha. Salm i. Beatus vir, qui non abiit. ’S BEANNUICHTE an duine nach do gluais an comhairle na ’n aindiadhaidh, ’snach do sheas an slighe pheacaire; agus nach do shuidh an cathair luchd fochaid; 2 Ach tha a thlachd an lagh ’n Tighearna; agus ann a lagh ni e e fein a chleachda a la ’s dhoiche. 3 Agus bithidh e cosmhuil ri craoibh suichte ri taobh a h-uisge; bheir amach toradh na h-am. 4 Cha searg a dhuileach mar an ceudna; agus beachduich ciod sam bith a ni e soirbhichidh leis. 5 Air son na haindiadhaidh, cha ’n ’eil e mar sin aca; ach tha iad mar mholl a sgapas a ghaoth bhar aghaidh na talmhain, 6 Uime sin cha ’n urra na h’aindiadhaidh seasamh ann am breitheanas; no idir na peacaire ann an co-thional nam fireana. 7 Ach ’s aithne do ’n Tighearn slighe nam fireana; agus theid slighe ná’ n aindiadhaidh a leir sgrios. [TD 293] Salm ii. Quare fremueruns gentes? CIA air son tha boile co buaireasach air na cinnich le cheile; agus c’arson tha ’n sluagh a smuaineach ni diamhain. 2 Tha righre na talmhain a seasamh suas, agus na huachdrain cuir comhairle ri cheile; ’naghaidh ’n Tighearna, agus an aghaidh ungaichte. 3 Briseamaid am boinn na ’m bloide; agus tilgeamaid an cuibhrichean uain. 4 Ni ’n ti tha chomhnuidh ar Neamha, gàire fanoid riu; bithidh iad na ’m cuis mhagaidh do’n Tighearna. 5 ’N sin labhraidh e riu na fheirg; agus ni e ’n cradh na throm chorruigh. 6 Gidheadh shuidhich mi mo righ; air mo thulaich naomha Sion. 7 Searmoinichidh mi ’n lagh man do labhair an Tighearna rium; ’s tu mo Mhac, ’n diu ghin mi thu. 8 Iarr ormsa, agus bheir mi na cinnich mar oighreachd dhuit; agus iomal-chriocha an Domhain mar sheilbh. 9 Breuthaidh tu iad le slat iaruin; agus ni thu ’m briseadh nam bloide mar shoitheach cria-fheir. 10 Bithibh glic anois uime sin, a sibhse righre; bithibh foghlumte, sibhse tha na ’r breitheanna air thalamh. 11 Deanadh seirbheis do ’n Tighearn ann ’an eagal; agus deanabh gairdeachas dha le hurram. 12 Pogaibh am Mac, ’n teagul gu ’m bi corruigh air, agus gun sgriosar sibh o’n tslighe cheart; ma lasas fhearg (seadh, ach beag,) ’sbeannuichte iad uille a chuireas an dochas ann. Salm iii. Domine, quid multiplicati? TIGHEARNA, cia mar tha ’n drong tha cuir trioblaid orm a dol a mead; ’slionar iad tha ’g eiridh am aghaidh. 2 ’Slionar aon tha ’g radh mu m’ anam; cha ’n ’eil cobhair air a shon ann an Dia. 3 Ach ’s tusa, O Thighearn, m’ fhear dionaidh; ’stu mo ghloir, agus fear togalach mo chinn. 4 Ghair mi air an Tighearna le m’ ghuth; agus chual e mi as a thalaich naomha. [TD 294] 5 Luidh mi sios agus choidil mi, agus dh’eirich mi suas aris; oir chum an Tighearna suas mi. 6 Cha bhi eagal orm roimh dheich mile sluaidh; a shuidhich iad fein m’an cuairt am aghaidh. 7 Eirich suas, a Thighearn, agus cuidich leam, O mo Dhia; oir buailidh tu mo naimhde air cnaimh an cial; bhris thu fiacla na n’ aindiadhaidh. 8 Buinidh slainte do ’n Tighearna; agus tha do bheannucha air do shlugh. Salm iv. Cum invocarem. CLUINN mi ’nuair a ghairmeas mi, O Dhia m’ fhireantachd; dh-fhuasgail tu mi ’nuair a bha mi ’n trioblaid; dean trocair orm, agus eisd ri m’ urnuidh. 2 O sibhse chlann nan daoine, cia fad bheir sibh blasbheum do m’ onair, agus tha leithid a thlachd agaibh an diamhanas, agus a ’g iarruidh ’a deigh bhreugan? 3 Bitheadh fios agaibh fós air a so, gun a roghnuich Dia dha fein ’n duine diadhaidh; ’nuair a ghairmeas mi air an Tighearna, cluinnidh e mi. 4 Seasuidh ann an eagul, agus na deanaibh peaca; deanabh cainnt ri ’ur cridhe, agus ann ’ur seomar, agus bithibh samhach. 5 Tairgibh iobairt fhireantachd; agus cuiribh ur dochas ann san Tighearna. 6 Tha moran aig radh, co a nochdas duinn maith air bith. 7 Thighearna tog thusa suas; solus do ghnuise oirne. 8 Chuir thu aibhneas ann am’ chridhe o’n uair a tha ’n coirce, am fion, agus an ola a meudacha. 9 Luidhidh mi sios ann an sith, agus gabham fois; oir ’s tusa amhain, a Thighearna, bheir orm comhnuidh ann an tearuntachd. Salm v. Verba mea, auribus. THOIR fanear mo bhriathra, O Thighearna, agus beachduich air mo smuain. 2 O eisd thusa ri guth mo ghlaoidh; mo righ, agus mo Dhia; oir san ruit a ni mi m’ urnidh. 3 Cluinnidh tu mo ghuth gu trathail, O Thighearn; gu moch [TD 295] sa mhadin dearcam m’ urnuigh a t’ ionnsuidh, agus beachduichidh mi suas 4 Oir ’s tusa ’n Dia aig nach ’eil tlachd an aingeachd; ni mo a chomhnuicheas olc air bith a’d’ fhochair. 5 Cha seas a mhuintir amaideach ann a’ d’ shealla; oir ’s fuathach iadsan uile a dh’ oibricheas diamhanas. 6 Sgriosaidh tu iadsan a labhras breugan; ’s gràin leis an Tighearn an iot-fhuileach agus cealgach. 7 Ach air mo shonsa, thig mi dh’ ionnsuidh do thighe, eadhoin air lionmhoireachd do throcair; agus ann a t’ eagal ni mi aodhra ’s maire ri d’ theampul naomha. 8 Treoraich mi Thighearn, ann a’ d’ t’fhireantachd, air son mo naimhde; dean do shlighe reidh roimh m’ aghaidh. 9 Oir cha ’n ’eil fireantachd na bheul; oir ’s fior aingeachd an taobh a stigh dhiu. 10 ’S uaigh fhosgailte an sgornach: ni iad miodal le ’n teangaidh. 11 Dean thusa ’n sgrios O Thighearn, leir-sgriosadh iad tre n’ as-innleachda fein; tilg amach iad ann an lionmhorachd an ain-diadhiachd, oir rinn iad ar-amach a’ t aghaidh. 12 Deanabh iadsa uile gairdeachas a tha cuir n’ dochais anad; bithidh iad a toirt buidheachais a ghna, chion gu ’n do dhion thu iad; bithidh iadsa leis an ionmhuin t’ainm aoibhneach anad. 13 Oir bheir thusa, a Thighearn, do bheannucha do ’n fhirean; agus le d’ chaoimhneas fabharach ni thu dhionadh mar le sge. URNUIGH FHEASGAIR. Salm vi. Domine, ne in furore. O THIGHEARNA, na cronuich mi ann a’ d’fheirg, ni mo smachduicheas tu mi ann a’ d’ dhiuma. 2 O Thighearna, dean trocair oirm, oir tha mi lag; O Thighearna, slanuich mi oir tha mo chnamhan air an cradh. 3 Tha m’ anam fòs fo thrioblaid gheur; ach, a Thighearna, cia fhad a ni thu peanas orm? 4 Pill, O Thighearna, agus saor m’ anam; O teasairg mi air sga do throcair. [TD 296] 5 Oir ann sa bhas cha chuimhnich duine ortsa; agus co bheir buidheachas duit ann san t’ slochd. 6 Tha mi sgi do m’ osnaich, tha mi ag ionlad mo leaba gach oiche; agus a ’g uisgeacha m’ uridh, lem dheoir. 7 Tha mho mhaise air teireachduin le fior thrioblaid; agus air caithe air falbh air son m’ uile naimhde. 8 Imichibh uam, sibhse uile ta ’g oibreacha diomhanais: oir chual an Tighearna guth mo chaoine. 9 Chual an Tighearna m’ iarrtas; gabhaidh ’n Tighearna ri m’ urnuidh. 10 Bidh mo naimhde uile air an claoidh, agus air an cradh gu geur; bithidh iad air am pillidh air ais, agus air an cuir gu grad naire. Salm vii. Domine, Deus meus. O THIGHEARNA mo Dhia, anad chuir mi mo dhochas; teasairg mi uathsan tha geur leanmhuin orm, agus saor mi. 2 ’N teagal gu ’n sluig e m’ anam mar leomhan, agus gu ’n reub se e na bhloideam feadh nach ’eil aon ann gu cobhair. 3 O Thighearna mo Dhia, ma rinn mi a leithid do ni: no ma tha aingeachd sam bith ann am lamha. 4 Ma dh’ioc mi olc dhasan a bhuinn gu cairdeil rium; seadh, shaoir mi a neach tha gun aobhar air bith na namhad dhomh. 5 ’N sin dian leanadh mo namhad m’ anam, agus glaca e mi, seadh, saltradh e mo bheatha sios gu talamh, agus leagadh e m’ onoir san dus. 6 Seas suas, O Thighearna, ann a’ d’ chorruich, agus tog suas thu fein, air son corruich mo naimhde; eirich suas air mo shon ann sa bhreith a dh’aithn thu fein. 7 Agus mar sin thig tional an t’ sluaigh ma ’n cuirt duit; air an sgasa uime sin tog suas thu fein aris. 8 Bheir an Tighearna breith air an t’ sluagh; thoir binne dhomhsa, O Thighearn; a reir m’ionracas, agus a reir a neo-chiontais tha ann am. 9 O thigeadh aingeachd an ain-diadhaidh gu crich; ach stiuir thusa an t’ionracan. 10 Oir dearbhaidh ’n Dia co’thromach; ma fior chrichean agus na hairnean. 11 Thig mo chobhair O Dhia: ’n ti choimhdeas iadsa ’gam bheil cridhe ceart. [TD 297] 12 Is breatheamh co’thrumach Dia, laidir agus foidhidneach; agus tha Dia air a bhrosnacha gach la. 13 Mur pill duine, liomhaidh e chlaidhe: lub e a bhodha, agus rinn e deas e. 14 Dhumhluich e dha fein inneala bais; shonruigh e shaidhde ’naghaidh luchd geur-leanmhuin. 15 Feuch, tha e saoithreacha le h’olc; thorruiche e le bron, agus rug e aindiagheachd. 16 Threachail agus chladhaich e suas slochd; agus tha e fein air tuiteam san doruin a rinn e air son chaich. 17 Oir thig a shaothair air a cheann fein; agus tuitidh aingeachd air a chlaigin fein. 18 Bheir mise buidheachas do’n Tighearn, a reir fhireantachd; agus bheir mi mola do dh’ ainm an Tighearna as ro airde. Salm viii. Domine, Dominus noster. O Thighearna ar ’n uachdran, cia oirdhearc t’ ainm ann san t’ saoghal uile; thusa a shuidhich do ghloir os cionn na neamha! 2 A beul fior naoidheana agus chiochran, dhorduigh thu neart airson do naimhde, chum gu’n cuireadh tu naimhde agus an dioghaltach na ’n tost. 3 Oir bheir mise fanear do neamha, eadhon oibre do mheoir; a ghealach agus na reulta a rinn thu orducahadh. 4 Ciod e ’n duine, gu’m bheil thu cuimhnicheil air; agus mac an duine gu m’ fiosraicheadh tu e. 5 Rinn thu e na ’s isle na na haingil; g’a chrunadh le gloir agus onoir. 6 Tha thu g’a dheanamh gu uachdranachd bhi aige air oibre do lamha; agus chuir thu na h-uile nithe ann an iochdranachd fo chasan. 7 Uile chaoirich agus dhaimh; seadh, agus ainmidhean na machrach; 8 Eunlaithe nan speur agus iasg a chuan; agus ciod sam bith a ghluaiseas tre shlighe a chuan. 9 O Thighearna ar ’n uachdran, cia oirdhearc t’ ainm ann san t’ saogal uile! [TD 298] URNUIGH MAIDNE. Salm ix, Confitebor tíbi. BHEIR mi buidheachas dhuit, O Thighearna, le m’ uile chridhe; labhraidh mi air t’ oibre miorbhuileach gu leir: 2 Bithidh mi ait agus ni mi gairdeachas annad; seadh, air t’ ainm ni mi m’ òran, O thusa as ro airde. 3 ’M feadh tha mo naimhde air an iomain air ais; tuitidh agus sgriosar iad a’d’ lathair. 4 Oir sheas thu mo choir, agus mo chuis; tha thu air do shuidheacha san ri-chathir a bheir breith cheart. 5 Chronuich thu na cinnich, agus sgrios thu na h’aindiadhaidh; chuir thu mach an ainm gu saoghal nan saoghal. 6 O thus a namhaid, thainig dorainne gu crich bhith bhuan; eadhon mar na bailte a rinn thu sgrios; tha ’n cuimhneachan air a leir-sgrios maille riu. 7 Ach mairidh an Tighearna gu siorruidh; dhumhluich e fos a chathair airson breitheanais. 8 Oir bheir e breith air an t’ saoghal am fireantachd; agus frithealaidh e fior bhreitheanas do ’n t-sluagh. 9 Bithidh ’n Tighearna fos na dhidean do’n mhuintir ata air am foireigne; eadhon na thearmunn ann am trioblaid. 10 Agus cuiridh iadsa, aig am bheil eolas air tainm, an dochas annad; oir a Thighearna, cha do dhearmaid thu riamh orrasan a dhiarr thu. 11 O molaibh ’n Tighearn, tha chomhnuidh ann an Sion; nochdaidh do ’n tsluagh a dheanadas. 12 Oir an nuair a ni e rannsucha air fuil, cuimhnichidh e iad: agus cha dearmaid e gearan nam bochd. 13 Dean trocair orm, O Thighearna; beachduich an trioblaid tha me fulang uathasan, aig am bheil fuath dhomh, thusa a thogas suas mi o gheataibh a’ bhais. 14 Chum gu nochd mi do mholadhsa gu leir an taobh a steach do gheataidh nighean Shion; ni mi gairdeachas an ad shlainte. 15 Tha na cinnich air dol fudha sios ann san t’ slochd a rinn iad; ann sa cheart lion a dh’fholuich iad os n’ iosal, tha ’n casan an sas. 16 Tha fios gu ’n cuir an Tighearna ’n gniomh breitheanas; tha ’n taindiadhidh air a ribeadh ann an obair a lamha fein. [TD 299] 17 Tilgear an taingidh a dh’ ifrinn; agus gach uile shluagh a dhi-chuimhneacheas Dia. 18 Cha bhi ’m bochd an comhnuidh air a dhearmad; ’s cha teid comhnuidh fhoidneach a neach ata ciuin a mhille gu siorruidh. 19 Eirich a Thighearn, ’sna bitheadh an lamh an uachdar aig duine; thuga breith air na cinnich ann a’ d’ shealla. 20 Cuir eagal orra, O Thighearn, chum gu ’n aithnich na cinnich nach ’eil iad fein ach na daoine. Salm x. Ut quid Domine? C’ARSON tha thu seasamh co fhad as, O Thighearn, agus a folach do ghnuis an am feumail na trioblaid. 2 Airson an-mhiann fein tha n’ taindiadhaidh geur-leanmhuin nam bochd; bitheadh iad air an glaca san innleachd sheolta a dhealbh iad fein. 3 Oir rinn an taindiadhaidh uaill a miann a chridhe fein; agus labhraidh e gu maith umpasa tha sanntach muintir is grain le Dia. 4 Tha ’n taindiadhaidh co dairbh, ’s nach ’eil urram aige do Dia; ni mo tha Dia na uile smuainte. 5 Tha shlighibh an comhnuidh doileasach; tha do bhreitheanais fada suas as a shealla, agus uime sin tha e toirt dubhlann a naimhde gu leir. 6 Oir thuirt e na chridhe, hu! cha tilgear sios mi chaoidh; ’s cha ’n eirich dochan dhomh. 7 Tha bheul lan do mhallucha, do cheilg, agus do dh’ fheall; fo theangaidh tha ain-diadhachd agus diamhanas. 8 Tha e luidhe os-niosal ann an oisine mearlaidh nan sraidean; agus tha e gu diamhair ann a uaghe os-niosal a murta a neochiontaich, tha shuile suichte an aghaidh nam bochd. 9 Oir tha e luidhe am feithe gu huaigneach, eadhon mar leomhan tha e luidhe ann a uaghe; chum gu’n eignich e ’mbochd. 10 Tha e ’g eigneach nam bochd; ’nuair a gheibh e iad na lion. 11 Tuitidh e sios agus islichich e e fein; chum gu ’n tuit coi’thional nam bochd ann lamha a cheannardan. 12 Thuirt e na chridhe, hu! dhichuimhnich Dia; dh’fholuich e air falbh aghaidh, agus cha ’n fhaic e chaoidh e. 13 Eirich, O Thighearna Dhia, agus tog suas do lamh; na dearmaid am bochd. 14 C’arson a bheireadh an taingidh toibheum do Dhia; ’m [TD 300] feadh a deir e na chridhe, hu! Dhia, cha ’n ’eil curam agad dheth. 15 ’S cinnteach gu ’m fac thu e: oir chi thu ain-diadheachd agus do-choir. 16 Chum gu ’n gabh thu chuis ann a’d’ laimh; bheir am bochd e fein thairis duit, oir ’s tu fear cuidich an neach gu ’n charaid. 17 Bris thusa cumhachd an ain-diadhaidh agus a mhi-runaich; thoir air falbh ain-diadheachdsa, agus cha ’n fhaith thu haon. 18 ’S e ’n Tighearn is Righ gu saoghal nan saoghal; agus tha na cinnich air an leir-sgrios as an tir. 19 Thighearna, chual thu iarrtas nan bochd; tha thu g’ ullacha an cridhe, agus eisdidh do chluas ris. 20 A chuideacha an dileachdain agus nan truaghan gu ’n choir; chum ’s nach bi duine an talmhain ni smo air arducha nan aghaidh. Salm xi. In Domino confido. ANN san Tighearn tha mi cuir mo dhochais; cia mar their sibh ma seadh ri m’ anam, gum bu choir dhi teiche mar eun chum an t’ sleibh? 2 Oir feuch, tha n’ tain-diadhaidh a luba am bodha, agus a gleusa an saighde ’n taobh a steach do ’n bhalg; chum gu ’n tilg iad os-niosal orrasan aig am bheil cridhe fior. 3 Oir bithidh na bunaite air an tilge fios; agus ciod a rinn am firean? 4 Tha ’n Tighearn na theampull naomha; tha righ-chathair an Tighearn an neamh. 5 Tha shuile a beachducha air a bhochd; agus feuchaidh a rosga clann nan daoine. 6 Is taitneach do ’n Tighearn am firean; ach s’ fuathach le anam an tain-diadhaidh, agus an neach tha gabhail tlachd an aingeachd. 7 Air an ain-diadhaidh doirtidh e, paintere, teine agus pronasc, stoirm agus doinean; ’s e so an cuibhrinn ra ol. 8 Oir ’s ionmhuin leis an Tighearn cho’thromoch an fhireantachd; agus beachdaichidh a ghnuis an ni ’ta ceart. [TD 301] URNUIGH FEASGAIR. Salm xii. Salvum me fac. CUIDICH mi, Thighearna, oir cha d’ fhaga aon duine diadhaidh; oir tha na firinich air teireachduin a measg clann nan daoine. 2 Tha iad a labhairt diamhanas gach aon r’a choimhearsnach; cha ’n ’eil iad ach ri miodal le ’n bilibh, agus cealgach na n’ cridhe dubailt. 3 Spionaidh ’n Tighearn amach uile bhilibh na ceilg; agus an teangadh labhras nithe uaibhreach 4 A thuirt, le ’r teanga’ bheir sinn buaidh; ’sinne a mhuintir bu chor a radh, co ’s Tighearn thairis oirn? 5 ’Noise airson trioblaid neo-sholasach an fheumaich; agus air sga osnaich dhomhain nam bochd; 6 Eiridh mi suas, arsa ’n Tighearn; agus ni mi cobhair air gach aon o neach tha ’g ata na aghaidh, agus bheir mi fois cha. 7 ’S briathra fior-ghlan briathra an Tighearn; eadhon mar an t or, tha air a dhearbha an talamh, agus air a ghlanadh seachd uaire ann an teine. 8 Coimhididh tu iad, O Thighearn; gleidhidh tu e on line so gu sioruidh. 9 Tha ’n taingidh gluasachd air gach taobh; nuair tha iad air an arducha tha clann nan daoine air an cuir gu achmhasan. Salm xiii. Usque quo Domine? CIA fad a dhi-chuinicheas tu mi, O Thighearn, ’n ann gu siorruidh; cia fhad a dh’ fholaicheas tu do ghnuais uam? 2 Cia fhad a dhiarrais mi comhairl am anam, agus a bhitheas mi craiteach le imcheist am chridhe; cia fhad a bheir mo naimhde buaidh thairis orm? 3 Thoir fainear agus cluinn mi O Thighearna mo Dhia; soillsich mo shuile chum nach caidil mi ann sa bhas: 4 ’N teagal gu ’n abair mo namhaid, bhuadhaich mi na aghaidh; oir ma thilgear sios mi, ni iadsan tha cuir trioblaid orm gairdeachas ris. 5 Ach tha mo dhochas ann a’d’ throcair; agus tha mo chridhe aobhneach ann a’d’ shlainte 6 Seinnidh me mu ’n Tighearna chean gun do bhuin e cho [TD 302] gradhach rium; seadh, molaidh mi ainm an Tighearna s’ ro airde. Salm xiv. Dixit iusipiens. THUIRT an t’amadan na chridhe; cha ’n ’eil Dia ann. 2 Tha iad truaillidh, agus air fas uamhara na n’ oibre; cha ’n ’eil a haon a deanamh maith, cha ’n ’eil a haon. 3 Dh’ amhairc an Tighearn sios o neamha air chloinn nan daoine: dh fhaicin ’n raibh neach air bith a thuige, ’sa dhiarradh an deidh Dhia. 4 Ach tha iad uile air dol as an t’slighe, tha iad gu leir air fas uamhara; cha ’n ’eil a haon a ni maith, cha ’n ’eil a haon. 5 ’S uaigh fhosgailte an sgornach; mheall iad le ’n teanga; tha nimh na nathraichin fo ’m bilibh. 6 Tha ’m beul lan do mhallucha agus do shearbhachd; tha ’n casan luath gu fuil a dhorta. 7 Tha doghrain agus mi-shonas na ’n slighe, ’s cha n aithne dhoibh slighe na sith; cha ’n ’eil eagal De roimh an suile. 8 Nach ’eil eolas aca, gu ’m bheil iad uile na ’n leithide sin do luchd deanamh ’n uilc; ag ithe suas mo shluaidh mar gu ’m b’ aran iad, agus gun ghairm air an Tighearn? 9 ’N sin thugadh ann an eagal mor iad, eadhon far nach robh eagal: oir tha Dia ann an ginealach an fhirean. 10 Air ’ursonsa, rinn sibh maga air comhairle ’n duine bhochd; cheann gu ’m bheil e cuir a dhochais ann san Tighearna. 11 Co bheir slainte do Israel a Sion? ’nuair a thiondas an Tighearn air ais bruid a shluaidh, ’n sin ni Iacob gairdeachas, agus bithidh Israel ait. URNUIGH MHAIDNE. Latha iii. Salm xv. Domine, quis habitabit? THighearna, co ni comhnuidh ann a’d’ phallein; na co ghabhas tamh air do thulaich naomha? 2 Eadhon a neach a chaitheas a beatha gu neo-thruaillidh; agus a ni an ni tha ceart, agus a labhras an fhirinn o chridhe. [TD 303] 3 A neach nach do chleachd ceilg na theangaidh, ’s nach d’ rinn olc d’a choimhearsnach; agus nach tug toibheum do choimhearsnach. 4 A neach nach dealbh leis fein, ach tha iosal na shuil fein; agus aig am bheil meas orrasan air am bheil eagal an Tighearn. 5 A neach a mhionaicheas do choimhearsnach, agus nach meall air; ge’d’ chuireadh e e fein a dhe-laimh. 6 A neach nach tug seachad airgid air ocar; ’s nach do ghabh duais an aghaidh an neo-chiontaich. 7 Co air bith a ni na nithe sin; cha tuit e chaoidh. Salm xvi. Conserva me, Domine. COimhid mise, O Dhe; oir anad chuir mi mo dhochas. 2 Thuirt thu ris an Tighearn, o m’ anam: ’s tu mo Dhia, tha mo mhaoin mar neo-ni dhuitse. 3 Tha mo thlachd uile ann sna naoimh tha air thalamh; agus a mheud sa bheir barachd an subhailc. 4 Ach a mhuintir a ruidheas an deidh De eile; bithidh aca trioblaid mhor. 5 ’N tabhartais dhithe do fhuil cha tairg mise; ni mo ni mi luaidh air an ainme am bhilibh. 6 Se ’n Tighearna fein cuibhrinn m’ oighreachd, agus mo chupain; seasaidh tu mo chrannachar. 7 Tha ’n crannachar air tuiteam dhomhsa am fonn maiseach; seadh tha oighreachd bhreagh agam. 8 Bheir mi taing do ’n Tighearna airson rabha thoirt domh; tha m’ airne g’am smachducha ’n am na hoiche mar ’n ceudna. 9 Chuir mi Dia a ghna romham; oir tha e air mo laimh dheas, uime sin cha tuit mi. 10 Uime sin bha mo chridh ait, agus rinn mo ghloir gairdeachas; ni m’ fheoil mar an ceudna tamh an dochas. 11 Oir ciod uime? cha ’n fhag thu m’ anam an ifrinn; ni mo cheaduicheas tu do d’ aon naomh truailleachd fhaicin. 12 Nochdaidh tu dhomh slighe na beatha, an a’ d’ lathair tha iomlaine aoibhneis; agus aig do laimh dheas tha solas a chaoidh. Salm xvii. Exaudi, Domine. CLUINN a choir, O Thighearn, thoir fanear mo ghearain; agus eisd ri m’ urnuidh, nach ’eil dol a mach a bilibh fealltach. [TD 304] 2 Thige mo bhreith amach o t’ fhianais; agus amhairce do shuile air a ni tha co-thromach. 3 Dhearbh agus dh’ fhiosruich thu mo chridhe, ’nam na h-oiche; dh’ fheuch thu mi, agus cha ’n fhaith thu aingeachd ann am; oir tha mi cuir romham gu tur nach toir mo bheul oilbheum. 4 Airson oibre dhaoine th’air an deanamh an aghaidh briathra do bhilibh; ghleidh mi mi fein o shlighe a mhiltfhear. 5 O cum thusa suas mo ghluasachd ann a’d’ cheumna; chum nach sleamhnuich mo chas-cheuma. 6 Ghair mi ort, O Dhia, oir cluinnidh tu mi; crom do chluas rium, agus eisd ri m’ bhriathra. 7 Nochd do chaoineas gradhach iongantach, thusa is slanuidhear dhoibhse a chuireas an earbsa annad; O mheud sa chuireas an aghaidh do laimh dheas. 8 Gleidh mise mar chloich sul; foluich mi fo dhubhar do sgiatha. 9 O’n ain-diadhaidh tha cuir trioblaid orm; tha mo naimhde ’g iatha ma ’n cuairt domh, a thoirt air falbh m’ anama. 10 Tha iad druidte steach nan saill fein; agus tha ’m beul a labhairt nithe uaibhreach. 11 Tha iad a feall-fheithe ann ar slighe air na huile taobh; a tionda ’n suile sios ris an talamh. 12 Cosmhuil ri leomhan tha gionach gu chobhartaich; agus mar gu ’m be cuilein leomhain crubadh ann an ionadaibh diamhair. 13 Eirich, a Thighearn, dean a mheala, agus tilg sios e; saor m’ anam o’n ain-diadhaidh, tha mar do chlaidhe sa. 14 O dhaoine do laimhe, O Thighearn, O na daoine, tha mi ’g radh, agus on droch shaoghal; aig am bheil an cuibhrinn sa bheatha so, muintir tha thu lionadh am bronn le d’ ionmhas foluichte. 15 Tha clann aca a reir a miann, agus tha iad ag fagail fuidheal a maoin d a ’n leanbaibh. 16 Ach air mo shonsa, beachdaich mi air do lathaireachd ann am fireanteachd; agus ’n uair mhosglas mi suas ’n deidh do choslais, bithidh mi rearuichte leis. [TD 305] URNUIDH FEASGAIR. Salm xviii. Diligam te, Domine. GRadhuichidh mi thu O Thighearna mo neart, se ’n Tighearna mo chairaig chloiche, agus mo dhaingneach; mo Shlanuifhear, mo Dhia agus mo threise, ann san cuiream mi mo dhochas, mo thairgid, adhairc mo shlainte fos, agus mo thearmunn, 2 Gairidh mi air an Tighearn ’n ti is fiu moladh fhaotain; mar sin bithi mi tearuinte o’m naimhde. 3 Dhiath broinn a bhais um am; agus chuir na hain-diadheachd eagal orm. 4 Thainig pianta Ifrion ma ’n cuairt domh; agus rug eang aich e bhais orm. 5 Ann mo thrioblaid gairidh mi air an Tighearna; agus ni mi gearan ri m’ Dhia. 6 Mar sin cluinnidh e mo ghuth as a theampul naomha, agus thig mo ghearan na lathair, theid e eadhoin a steach na chluasa. 7 Chriothnaich agus chrith an talamh; chra fior bhunaite na ’n cnoc fos, agus dh’ athruicheadh iad, cheann gu ’n rabh fearg air. 8 Chaidh deatach amach na lathair; agus teine claoiteach as a bheul, ionnas gun lasadh eibhle leis. 9 Lub e na neamha fos, agus thainig e sios; agus bha e dorcha fo chasa. 10 Mharcaich e air no Ceriobe, agus rinn e itealaich; thainig e ’g itealaich, air sgiatha na gaoithe. 11 Rinn e ionad diamhair do ’n dorchadas; a phailluin ma ’n cuairt d’a le uisge dorcha, agus neoil thiugh ga choducha. 12 Aig dealradh a laith’reachd dhathruiche a neoil; clacha-meallain, agus eibhle teine. 13 Chuir ’n Tighearna mar ’n ceudna amach a neamha, agus thug ’n ti ’s airde uaithe a thairneanach; clacha-meallana agus eibhle teine. 14 Chuir e mach a shaighde, agus sgaoil e iad; thilg e mach dealanach, agus sgriosadh iad. 15 Chunncas na sruthain uisge; agus bha bunaite an domhain air an leaga ris le d’ achdmhasan, O Thighearna le seide anail do dhiumadh, [TD 306] 16 Cuiridh e nuas o’ ionad arda gu mise ghabhail; agus bheir e mi mach a uisge lionmhar. 17 Saoraidh e mi o’m namhad is treise, agus uathasa tha toirt fuath dhomh; oir tha iad ro threin air mo shon. 18 Chuir iad romham ann an la mo-thrioblaid; ach be ’n Tighearn b’ fhear cumail suas domh. 19 Thug e mach mi fos gu aite fuasgailt, thug e mach mi, eadhoin a cheann gu ’n robh deadh-ghean aige dhomh. 20 Bheir an Tighearna duais dhomh areir mo dheanadas chothromach; areir glainid mo lamh bheir e dioladh dhomh. 21 Cheann gun ghleidh mi slighibh an Tighearna; agus nach do threig mi mo Dhia, mar a ni ’n taingidh. 22 Oir tha suil agam r’a reachda gu leir; agus cha tilg mi uam aitheanta. 23 Bha mi fos neo-thruaillidh na fhianuis; agus dh’fhuathaich mi m’ aingeachd fein. 24 Uime sin bheir an Tighearna duais domh areir mo dheanadas cothrumach; agus areir glaine mo lamh an sealla a shul. 25 Ris an neach tha naomha bithidh tu naomha; agus ris ’n duine fhoirfe bithidh tu foirfe. 26 Ris an neach tha glan, bithidh tu glan; agus ris a neach tha daoirbh, foghlumidh tu bhi daoirbh. 27 Oir sabhalaidh tu ’n sluagh tha ’n teinn; agus bheir thu sios fealla an uaibhrich. 28 Lasaidh tu mo choinneal; agus bheir an Tighearna mo Dhia mo dhorchadas gu soillse. 29 Oir annad cuiream bun oscionn armailte dhaoine; agus le cuideacha mo Dhia bheir mi mo leum thar a bhalla. 30 ’Slighe neo-thruaillidh slighe Dhe; tha guth an Tighearna fos air a dhearbha ann san teine; se ’s fear dionaidh dhoibhsin uile a dhearbas ris. 31 Oir co is Dia ach an Tighearna; no co aig am bheil neart sam bith, ach ar Dia? 32 Se Dia a chriosras mi le neart cogaidh; agus a ni mo shlighe foirfe. 33 Ni e mo chasan mar chasan feidh; agus cuiridh e mi suas gu h’arda. 34 Teagaisgidh e mo lamhan gu cath; agus brisidh mo ghairdeaine eadhon bodha stailin. 35 Thug thu dhomh dionadh do shlainte; cumaidh do lamh dheas fos suas mi; agus ni t’achdmhasan gradhach mise mor. [TD 307] 36 Ni thu rum gu leoir fo’m gu imeachd; chum nach sleamhnuich mo chas cheuma. 37 Leanaidh mi mo naimhde, agus glacaidh mi iad; ni mo philleas mi air ais, gus an sgrios mi iad. 38 Buailidh mi iad, gus nach urra iad seasamh; ach tuiteam fo ’m chasan. 39 Chrioslaich thu mi le neart chum a chatha; tilgidh tu sios mo naimhde fo’m. 40 Thug thu fos air mo naimhde an cul a thionda rium; agus sgriosaidh mi iadsan aig am bheil fuath dhomh. 41 Glaodhidh iad, ach cha bhi aon ann a ni cobhair orra; seadh, glaodhidh iad eadhoin ris an Tighearn, ach cha chluinn e iad. 42 Buailidh mi iad cha mion ris an duslach roimh ’n ghaoith; tilgidh mi mach iad mar chriadh air na sraidean. 43 Saoraidh tu mi o stri an t’ sluaigh; agus ni tu ceann nan cinneach dhiam. 44 Ni sluagh air nach ’eil eolas agam; seirbheis domh. 45 Cho luath sa chluinneas iad umam, geillidh iad dhomh; ach ni chlann choimheach miodal rium. 46 Failnichidh chlann choimheach; agus bithidh geilt orra as am priosanna. 47 ’S beo an Tighearna, agus beannuichte gu ’n raibh m’ fhear cuidich laidir; agus gu’n robh Dia mo shlainte air a mholadh. 48 Eadhoin an Dia chi gu ’n diolair mi; agus a cheannsuicheas an sluagh dhomh. 49 ’S eisean a dh’fhuasglas mi om naimhde ain-iochdmhor, agus a chuireas suas mi oscion m’eascairde; fuasglaidh tu mi on duine aingidh. 50 Air an aobhar so bheir mi cliu dhuit, O Thighearn, ’measg na n’ cinneach; agus seinnidh mi moladh do t’ainm. 51 Mor shoirbheas bheir e do righ; agus nochdaidh a chaoimhneas graidh d’a ungach fein Daibhi, agus da shliochd gu brath. [TD 308] URNUIGH MHAIDNE. Latha iv. Salm xix. Cæli enarrant. THA na neamha cuir an ceill gloir Dhe; agus na speura nochda obair a lamha. 2 Tha aon latha g’ innse do latha eile; agus oiche a dearbha do dhoich eile. 3 Cha ’n ’eil cainnt na comhradh; ach cluinntear an gun thana na measg. 4 Chaidh ’n toirm amach da gach uile thir; agus am briathra gu criocha an t’ saoghail. 5 Annta shuidhich e pailluin do ’n ghrein; thig mar fhear nuadh posta mach o sheomar, agus ni gairdeachas mar fhuamh-fhear a ruidh a chursa. 6 Tha e dol amach o iomal na neamha, agus a ruidh ma ’n cuairt gu chrich aris; agus cha ’n fholaichear ni o theas. 7 ’S lagh gun truaille lagh an Tighearn, ’g iompucha an anma; tha teisteas an Tighearna cinnteach, agus a toirt gliocas don t’ simplidh. 8 Tha reachda an Tighearna ceart, agus a deanamh a chridhe aoibhneach; tha aitheanta an Tighearna fior-ghlan, agus a toirt solus do na suile. 9 Tha eagal an Tighearna glan, agus mairidh e gu siorruidh; tha breitheanais an Tighearna fior, agus cothrumach gu hiomlan. 10 ’S fearr ri ’n iarruidh iad nan t’or, seadh na moran a dh’ or fiorghlan; na ’s milse fos na mhil, agus a chir mheala. 11 Os-bar, ann ’ta tha do sheirbheiseach air a theagasg, agus ann an coimhead tha duais mhor. 12 Co dh’fheudas innseadh cia tric a bheir e oilbheum; O glan thusa mi o’m chionta dhiamhair. 13 Coimhead do sheirbheiseach fos o pheacaibh andana, ’m teagal gh ’m faith iad n’ Tighearnas thairis orm; mar sin bithidh mi neo-thruaillidh, agus neo-chiontach o ’n oilbheum mhor. [TD 309] 14 Bithidh briathra mo bheul, agus smuainte mo chridhe; a ghna taitneach ann a’d’ shealla. 15 O Thighearna mo neart agus m’ fhear-saoruidh. Salm xx. Exaudiat te, Dominus. GU ’n cluinn an Tighearn thu ann la do thrioblaid; gu ’n deanadh ainm Dhe Iacob do dhionadh. 2 Gu ’n cuireadh e cobhair a t’ionnsuidh on t’sanctuaridh; agus gu neartuiche e thu a Sion. 3 Gu’n cuimhnich e t’uile thabhartais; agus gu’n gabh e t’ iobairt loisgte. 4 Gu’n deonuich e dhuit miann do chridh; agus gu’n coilion e t’uile intinn. 5 Ni sinn gairdeachas ann a’ d’ shlainte, agus gaire buagha ann an ’n ainm an Tighearna ar Dia; gu’n co’liandh an Tighearna t’ iarrtais gu leir. 6 Noise tha fios agam, gu’m bheil an Tighearn a cuideachadh ungaiche fein, agus gu ’n eisdidh e ris o fhlaitheas naomha; eadhoin le neart fallain a laimhe deis. 7 Tha cuid a cuir an earbsa ann an carbadaibh, agus cuid ann an eich; ach cuimhnichidh sinn ainm ’n Tighearna ’ar Dia. 8 Tha iad air an toirt sios, agus air tuiteam; ach tha sinn air eiridh, agus ’nar seasamh direach. 9 A Thighearna, teasuirg, agus cluinn sinn, O Righ neamha; ’nuair a ghairmis sinn ort. Salm xxi. Domine, in virtute tua. NI ’n righ gairdeachas ann a’d’ neart, O Thighearna; anabarach ait bithidh e ann a’d’ shlainte. 2 Thug thu dha miann a chridhe; ’s cha d’ aicheadh thu dha athchuinge a bhilibh. 3 Oir bheir thu coineamh dha le beannuchduibh maitheis; agus cuiridh tu crun a dh’ or fior ghlan air a cheann. 4 Dhiarr e beatha ort, agus thug thu dha beatha fhada; eadhoin gu brath. 5 Tha a onoir mor ann a’d’ shlainte; gloir agus urram mor leagaidh tu air. 6 Oir bheir thu dha sonas siorruidh; agus ni thu e ait le aoibhneas do ghnuise. 7 Agus c’arson? cheann gu bheil an righ a cuir a dhochais san Tighearn; agus ann an trocair an ti ’s ro airde cha bhi e air a mhealladh. [TD 310] 8 Moithichidh do naimhde gu leir do lamh; gheibh do lamh dheis amach a mhuintir aig am bheil fuath dhuit. 9 Ni thu iad mar amhuinn theintich an am do chorruich; sgriosidh ’n Tighearn iad ann a dhiumadh, agus caithidh an teine iad. 10 Spionaidh tu an toradh as an talamh; agus an sliochd a measg clann nan daoine. 11 Oir shonruich iad olc a t aghaidh; agus smaoinich iad a leithid a dhinnleachd ’s ’nach b’ urra iad a choilionadh. 12 Uime sin cuiridh tu gu teiche iad; agus ni thu sreanga do bhodha deas an aghaidh an gnuise. 13 Bi thus’ air t’ arducha, a Thighearn, ann a’d’ neart fein; mar sin ni sinne ceol, agus molidh sinn do chumhachd. URNUIGH FEASGAIR. Salm xxii. Deus, Deus meus. MO Dhia, mo Dhia, seall orm, c’arson a threig thu mi; agus tha thu co-fhada o’m shlainte, agus o bhriathra mo ghearain. 2 O mo Dhia, tha mi g’eidheach ann am an la, ach cha ’n’eil thu cluinntin; agus ann am na h’oiche fos cha ’n ’eil mi gabhail fois. 3 Agus tha thu buanacha naomha; O thusa uaill Israil. 4 Chuir ar ’n aithriche an dochas anad; dhearb iad anad, agus shaor thu iad. 5 Ghair iad ort, agus chuidicheadh iad; chuir iad an muinghin annad, agus cha do chuireadh gu hamhladh iad. 6 Ach air mo shonsa ’s cniumh mi, agus cha duine; fior chuis m’ agaidh dhaoine, agus iomal an t sluaidh. 7 Tha iadsa uile a chi mi, deanamh gaire faniod rium, tha iad seide am pluic, agus a crathadh an cinn, aig radh, 8 Chuir e dhochas an Dia, gu ’n deanadh e a shaora; deanadh e a shaoradh, ma ghabhas e e. 9 Ach stusa an ti thug mise a broinn mo mhathar; bu tu mo dhochus nuair bha mi n’ crochadh air broileach mo mhathair. 10 Dh’ fhaga mi ortsa o’n a rugadh mi; ’s tu mo Dhia eadhoin o bhroinn mo mhath’r. 11 O na imich uam, oir tha trioblaid dlu theann air an laimh; agus cha ’n ’eil a haon a ni cobhair orm [TD 311] 12 Tha daimh air iadhadh orm gu lionmhar; tha tairbh ramhar bhasang am chuartucha air gach taobh. 13 Tha iad a toirt sithe orm le ’n beoil; mar gu’n bith e leomhan leumnuich agus buirigh. 14 Tha mi air mo dhorta mach mar uisge, agus tha mo chnamha uile as na huilt; tha mo chridhe fos a meadhon mo chuirp, eadhoin mar cheir a leagha. 15 Tha mo neart air tiormacha mar shoitheach creadha, agus mo theanga air leantain ri m’ chaireana; agus bheir thu mi gu h’uir a bhais. 16 Oir tha moran mhadaidh air teachd ma ’n cuairt domh; agus tha coimhairle na ’n aingidh air leige seisde am aghaidh. 17 Lot iad mo lamhan agus mo chasan, feudaidh mi mo chnamhain uile aireamh; tha iad a seasamh geur bheachducha agus a sealltuin orm. 18 Tha iad a roinn m’eudaich na measg; agus a tilge croinn air mo bhrat. 19 Ach na bi thusa fad uam, O Thighearna; s’tu mo chomhnadh, dean thusa deifir gum chobhair. 20 Saor m’ anam on chlaidhe; m’aon ghraidh o chumhachd a mhadruibh. 21 Teasairg mi o bheul an leomhain; chual thu mi fos o mheasg adhaircean nan aon-adhairceach. 22 Cuiridh mi tainm an ceill do’m bhraithre; ann a meadhon a choithionail molaidh mi thu. 23 Molaidh an Tighearn, sibhse air am bheil eagal; arduicheadh e, sibhse uile a shiol Jacob, agus bitheadh eagal oirbh roimhe; sibhs’ uile shiol Israeil. 24 Oir cha do ghabh e grain ’s cha d’ rinn e tair air staid iosal nam bochd; cha dh’ fholuich e ghnuis uaithe, ach nuair a ghair e air chual e e. 25 Tha mo mholadh ort ann sa choithional mhor; iocadh mi mo mhoidean ann an sealla na muintir air am bheil eagal roimhe. 26 Ithidh am bochd, agus bithidh e saitheach; an mhuintir ta g’ iarruidh ’n deidh an Tighearn molaidh iad e; bithidh ’ur cridhe beo gu brath. 27 Cuimhnichidh uile chriochaidh an domhan iad fein, agus pillidh iad ris an Tighearn; agus ni uile chairde adhradh na lathair. 28 Oir sleis an Tighearn an righeachd agus; se ’n t’uachdran a measg na sluagh e. [TD 312] 29 Na h’uile a tha reamhar air thalamh; dhith, agus rinn iad adhradh. 30 Iadsa uile theid sios dòn duslach, sleuchduidh iad na lathair; agus cha do bheothaich duin’ air bith an am fein. 31 Ni mo shliochd seirbheis da; bithidh iad air a meas d’on Tighearn mar linne. 32 Thig iad, agus cuiridh na neamha n’ ceill fhireantachd; do shluagh a bhitheas air am breith, dream a rinn an Tighearna. Salm xxiii. Dominus regit me. ’SE n Tighearn mo bhuachaill: uime sin cha’n fheud uireasbhuidh ni sam bith bhi orm. 2 Beathichidh e mi ann an cluainibh ghlais: agus treoirichidh e mi amach ri taobh uisgeachan an t’ solais. 3 Impiochidh e m’anam: agus bheir e mach mi ann an ceumna na fireantachd air sga’ ainm fein. 4 Seadh, ge d’ ghluais mi tre ghleann sgaile a bhais, cha bhi eagal orm roimh olc: oir tha thu maille rium, tha do lorg agus do shlat toirt solais domh. 5 Ulluichidh tu bord dhomh mu choineamh an dream tha cuir trioblaid orm: dh’ung thu mo cheann le h’ola, agus bithidh mo chopan lan. 6 Ach leanuidh do chaoimhneas gradhach agus do throcair mi re uile lathaibh mo bheatha; agus gabhaidh mi comhnuidh ann an tigh an Tighearna gu siorruidh. URNUIGH MHAIDNE. Latha v. Salm xxiv. Domini est terra. ’S LEIS an Tighearn an talamh, agus na huile ata ann; cuairt an t’ saoghail, agus iadsan uille tha chomhnuidh ann. 2 Oir steidhich e air na cuantibh e; agus dh’umhluich e air na tuilte e. 3 Co theid suas gu tulaich an Tighearna; no co dheireas suas ann a ionad naomha. [TD 313] 4 Eadhon eisin aig am bheil lamhan glan, agus cridhe fior-ghlan; agus nach do thog suas intinn gu diomhanas, ’s nach do mhionnuich gu choimhearsnach a mhealla. 5 Gheibh e ’m beannucha on Tighearna; agus fireantachd o Dhia a shlainte. 6 Si so linne na muintir ata ga iarruidh; eadhon iadsan tha ’g, iarruidh t’aghaidh, O Iacob. 7 Togaibh suas ’ur cinn, o sibhs a gheatabh, agus bithibh togta suas, sibhse dhorsa siorruidh; agus thig Righ na gloire a stigh. 8 Co e Righ na gloire; ’se ’n Tighearna laidir agus trein, eadhon an Tighearna trein, ann an cath. 9 Togaibh suas ur cinn, O sibhse gheataibh, agus bithibh togta suas, sibhse dhorsa siorruidh; agus thig righ na gloire a stigh. 10 Co e righ na gloire; eadhon Tighearna nan slogh, ’seisin righ na gloire. Salm xxv. Ad te, Domine, levavi. RIUTSA, O Thighearn, a thogas mi suas m’anam, mo Dhia, chuir me, mo dhochas annad; o na bitheam fo amhla, ni mo bheir mo naimhde buaidh tharum. 2 Oir iadsa uile chuireas an dochas annad ’cha chuirear naire orra; ach a mhead sa ni eiceart gun chean fath, cuirear gu rudha, gruaidh iad. 3 Nochd dhomh do shlighibh, O Thighearn; agus teagaisg dhomh do cheumna. 4 Treoruich mi amach ann a t’ fhirin, agus dean mise fhoghlum; oir s’tu Dia mo shlainte; annad bha mo dhochas re fad an latha. 5 Gairm gu cuimhne, O Thighearn do throcaire caomh; agus do chaomhnasa gradhach, bha ann riamh o shean. 6 O na cuimhnich peacan agus oilbheam m’oige; ach a reir do throcair cuimhnich orm, O Thighearn, airson do mhaitheis. 7 ’S grasmhor agus is cothrumach an Tighearn; uime sin teagaisidh e peacaire ann san tslighe. 8 Treoruichidh e mhuintir tha ciuin ann am breitheanas; agus a mhead sa tha soirbh, dhoibhse teagaisgidh e a shlighe. 9 S’trocair agus firinn uile cheuma an Tighearn; da mhead so choimhdeas an chumhnant, agus a theistèas. 10 Air sga’ t’ainme, O Thighearn; bi trocaireach do m’ pheaca oir ’s mor e. [TD 314] 11 Ciod e ’n duine air am bheil eagal an Tighearn; eisin ni e theagaisg ann san tslighe a roghnuicheas e 12 Gabhaidh anam comhnuidh am fois; oighirichidh a shliochd air an tir, 13 Tha diamhaireachd an Tighearn a measg na muintir air am bheil eagal; agus nochduidh e dhoibh a chumhnant. 14 Tha mo shuilean a ghna ag amharc ris an Tighearn; oir spionaidh e mo chasan as an lion. 15 Pill thusa rium, agus dean trocair orm; oir tha mi fasail agus ann an truaigh. 16 Tha broin mo chridhe air dol am farsuingeachd; O thoir mise, as mo thrioblaid. 17 Seall air mo theinn agus air mo thruaigh; agus maith dhomh mo pheaca gu leir. 18 Thoir fanear mo naimhde cia lionmhar iad; agus tha fuath an-tighearnail aca am aghaidh. 19 O coimhead m’anam, agus saor mi; na bitheam fo amhla, oir chuir mi mo mhuingin annad. 20 Feitheamh gnathacha fhoirfe agus ionraic orm; oir bha mo dhochas annad. 21 Saor Israel, O Dhe; as a thrioblaid gu leir. Salm xxvi. Judica me, Domine. BITH thus a’d’ bhreitheamh dhomh, O Thighearn, oir ghluais mi gu neo-chiontach; bha m’earbsa mar an ceudna ann san Tighearna, uime fin cha tuit mi. 2 Ceasnuich mi, O Thighearn, agus dearbh mi; feuch amach m airne agus mo chridhe. 3 Oir tha do chaomhneas gradhach a ghna roimh mo shuile, agus gluaisidh mi ann ’ad ’fhirin. 4 Cha do ghabh mi comhnuidh le pearsaibh diamhain; ni mo bhitheas comunn agam ri muintir chealgach. 5 Thug mi fuath do choi-thional nan aingidh; s’ cha suidh mi measg nan ain-diadhaidh. 6 Ionnlaididh mi mo lamha an neo-chiontas, O Thighearna; agus mar sin theid mi chum t’altaire. 7 Chum gu nochd mi toirm breith-bhuidheachais; agus gu n’ aithris mi t’uil’ oibre iongantach. 8 A Thighearna, ghradhaich mi ionad comhnuidh do thighe; agus an t’aite ann am bheil, t’onair a gabhail comhnuidh. 9 O na druid suas m’anam maille ri peacaire; no mo’ bheatha leosan air am bheil iota gu fuil; [TD 315] 10 Dream aig am bheil aingeach’d na ’n laimh; agus an lamh dheas lan thiolaca. 11 Ach air mo shonsa; gluaisidh mi gu neo-chiontach; O saor mi, agus bi trocaireach dhomh. 12 Tha mo chas na seasamh ceart; molaidh mi ’n’ Tighearn ann s na cothionalibh. URNUIGH FHEASGAIR. Salm xxvii. Dominus illuminatio. SE ’n Tighearna ma sholus, agus mo shlainte; co as ma seadh bhitheadh eagal orm; s ’n Tighearna neart mo bheatha; co as ma seadth a bhitheadh ogluichd orm? 2 ’Nuair thainig orm an taingidh, eadhon mo naimhde, agus m’eascairde dhithe m’fheola; thuisle, agus thuit iad. 3 Ge’d leagta armailte dhaone a’m’ aghaidh, gidheadh cha bhi eagal air mo chridhe; agus ge’d eireadh cogadh am aghaidh gidheadh cuiridh mi mo dhochas ann. 4 Aon ni dhiarr mi air an Tighearn, sa mhiannuicheas mi; eadhoin gu n’ comhnuich mi ann tigh an Tighearn re uile laithe mo bheatha, gu beachducha air maise sgiamhach an Tighearna, agus a dh’ fhiosrucha a theampuil. 5 Oir an am trioblaid ni e m’ fholuch ann a phailluin; seadh, ann an ionad uaigneach a aite comhhuidh, ni e m’fholuch agus cuiridh e suas mi air carruig cloiche. 6 Agus anoise togaidh e suas mo cheann; oscionn mo naimhde ma’ n’cuairt domh. 7 Uime sin tairgidh mi ’n a ionad comhnuidh iobairt le mor aoibhneas; seinnidh mi, agus labhraidh mi moladh do’n Tighearna. 8 Eisd ri m’ ghuth, O Thighearn, ’nuair a ghlaodhas mi riut; dean trocair orm, agus cluinn mi. 9 Labhair mo chridhe umad, iarruidh sibh m’aghaidh; t’aghaidh, O Thighearn iarruidh mi. 10 O na folaich thusa t’aghaidh uam; s’na tilg air falbh do sheirbheis, each ann an diumadh. 11 Bu tu mo chobhair; na fag mi ’s ’na treig mi, O Dhia mo shlainte. 12 ’Nuair a threigeas m’ athair agus mo mhathair mi; bithidh an Tighearn mo cobhair. 13 Teagaisg dhomh do shlighe, O Thighearna; agus treorrich mi san tsligh cheart, thaobh mo naimhde. [TD 316] 14 Na toir thairis mi gu toil m’eascairde; oir tha fiadhnuisean breige air eiridh suas am aghaidh, agus dream tha labhairt eacoir. 15 Dh’ fhannuichin gu tur; ach gun chreid mi gu deimhin gu’m faicin maitheas an Tighearn an tir nam beo. 16 O fuirich thusa ri aithais an Tighearn; bi laidir, agus bheir e solas do d’ chridhe, agus cuir thusa t’earbsa san Tighearna. Salm xxviii. Ad te Domine. RIUT’SA ghlaodhas mi O Thighearn mo neart; na gabh mar fhochaid mi, ’n teagal ma ni thu mar nach cluinne tu, gu m’ fas mi mar an dream tha dol sios do’n t’ slochd. 2 Cluinn guth m’ iarrtais umhal, ’nuair a ghlaodhas mi riut; ’nuair a chumas mi suas mo lamhan ri cathair trocair do theampuil naomha. 3 O na spion air falbh mi, ’sna sgrios mi maille ris na haindiadhaidh agus luchd na haingeachd; a labhras gu cairdeil ri ’n coimhearsnaich, ach a dealbh tubaist nan cridhe. 4 Thoir duais doibh a reir an gniomhara; agus areir aingeachd an innleachda fein. 5 Thoir diola dhoibh a reir oibre an lamha; ioc dhoibh an ni a thoill iad. 6 Oir cha ’n ’eil suim aca nan inntin do dh’ oibre an Tighearna, no gniomh a lamha; uime sin brisidh e sios iad, agus cha tog e suas iad. 7 Gu ’n rabh ’n Tighearn air a mholadh; oir chual e guth m’iarrtais umhal. 8 Se ’n Tighearn mo neart agus mo sgia, dhearb mo chridh ann, agus tha mi air mo chaomhnadh; uime sin tha mo chridhe damhsa le haoibhneas, agus ann am cheol molaidh mi e. 9 Se ’n Tighearn mo neart; agus ’se dionadh fallain a ungaiche fein. 10 O Sabhail do shluagh, agus thoir do bheannucha do ’t oireachd; beathuich iad, agus cuir suas gu siorruidh iad. Salm xxix. Afferte Domino. THugaibh chum an Tighearna, O sibhse dhaoine cumhachdach, thugaibh chum an Tighearna reitheacha ogh; thugaibh do’n Tighearn adhradh agus neart. [TD 317] 2 Thugaibh do’n Tighearn an onair tha dlidheach d’a ainm; deanabh adhradh do ’n Tighearna le adhradh naomha. 3 Se’n Tighearn tha toirt aithne do na huisgeacha; se’n Dia glormhor tha deanamh na tarnainich. 4 Se ’n Tighearn tha riaghla na fairge; tha guth ’n Tighearn trein ann an obair; ’s guth glormhor guth ’n Tighearna. 5 Brisith guth an Tighearna croinn sheudair; seadh, brisidh ’n Tighearna sheudair Libanius. 6 Bheir e orra fos briosga mar laodh fos Libanuis, agus Sirion mar aon adhairceach og. 7 Sgoiltidh guth ’n Tighearn na lasruiche teine, crathaidh guth an Tighearn am fasaich; seadh, crathaidh ’n Tighearna fasaich Chadeis. 8 Bheir guth an Tighearn air na heildean laoidh a bhreith, agus ruisgidh e na dosa tiugh; ann a theampull labhraidh gach duine air onair. 9 Tha ’n Tighearn na shuidh oscionn na tuill uisge; agus mairidh an Tighearn na Righ gu brath. 10 Bheir an Tighearn spionadh d’a shluagh fein; bheir an Tighearn beannucha sith da shluagh fein. URNUIGH MHAIDNE. Latha vi. Salm xxx. Exaltabo te, Domine. ARduicheadh mi thu; O Thighearn, oir thog thu suas mi; agus cha d’ tug thu air m’eascairde buaidh fhaghail thairis orm. 2 Ghlaodh mi riut, O Thighearna mo Dhia; agus shlanuich thu mi. 3 Thug thusa a Thighearn, m’ anam a’ h’ ifrionn; ghleidh thu mo bheatha o’n mhuintir tha dol siòs do ’n t slochd. 4 Seinnidh moladh do’n Tighearn, O sibhse a naoimh ’s leis fein; agus thugaibh buidheachas dha mar chuimhneachan air a naomhachd. 5 Oir cha mhair a chorruich ach re priobadh na sul, agus ’na dheadh-ghean tha beatha; feudaidh truime buanacha re oiche, ach thig aoibhneas sa mhaduin. [TD 318] 6 Agus ann mo shoirbheacha, thuirt mi, cha ghluaisear mi chaoidh: ’stusa Thighearn, le d’ mhaitheas rin mo chnoc co laidir. 7 Thionda thu uam taghaidh; agus bha mi an trioblaid. 8 ’N sin ghlaodh mi riut, O Thighearn; agus fhuair mi gu m’ Thighearn gu fior umhal. 9 Ciod an tairbh tha m’ fhuil; ’nuair theid mi sios do ’n t slochd. 10 ’N toir an duslach buidheachas dhuitse; no ’n cuir i n’ ceill t’ fhirinn? 11 Eisd, O Thighearn, agus dean trocair orm; a Thighearn bith usa t’ fhear-cuidich dhomh. 12 Thionda thu mo thruime gu aoibhneas; chuir thu dhiom m’ eudach-saic, agus chriosruich thu mi le haiteas. 13 Uime sin seinnidh gach duine maith mu d’ mholadh gun sgur; O mo Dhia, bheir mi buidheachas duit gu brath. Salm xxxi. In te Domino speravi. ANNadsa, O Thighearn, chuir mi mo dhochas; na bitheam a chaoidh air mo chuir gu hamhladh, saor mi ann a’d’ fhireantachd. 2 Crom sios do chluas rium; dean deifir chum mo shaoradh. 3 Agus bi thusa a’d’ charruig laidir dhomh, agus a’d’ thigh dionaidh: chum gu ’n saor thu mi. 4 Oir ’s tu mo charruig laidir, agus mo chaisteal; bi thusa fos a’d’ stiurreadair dhomh, agus treoruich mi air sga tainme. 5 Tarruing mi as an lion a leag iad os-niosal air mo shon; oir ’stu mo neart. 6 Ann ad lamha tha mi toirt thairis mo spiorad; oir shaor thu mi, O Thighearn, ’stu Dia na firinn. 7 Dh’ fhuathaich mi iadsan tha cumail diamhanais shaobh-chrabhach; agus bha mo dochas ann san Tighearn. 8 Bithidh mi ait, agus ni mi gairdeachas ann a’d’ throcair; oir thug thu fanear mo thrioblaid, agus ghabh thu eolas air m’ anam ann an teann eiginibh. 9 Cha d’ dhruid thu suas mi ann lamh an namhaid; ach shuidhich thu mo chasan ann an ionad farsaing. 10 Dean trocair orm, O Thighearn, oir tha mi ’n trioblaid: agus tha mo shuil air caithe le fior bhron; seadh, m’ anam agus mo choluin. [TD 319] 11 Oir tha mo bheatha air fas sean le trom bhron; agus mo bhliadhna le dubhachas. 12 Tha mo neart air m’ fhailneacha, air son m’easaontais; agus tha mo chnamhain air caithe. 13 Dh’ fhas mi m’ chuis achmhasain a measg mo naimhde gu leir, ach gu haraid a measg mo choimhearsnach; agus bha mo luchd eolais fo eagal romham, agus iadsan a chunnaic mi n’ leath a muidh, rinn iad an cumail fein uam. 14 Tha mi air mo dhearmad gu tur, mar dhuine marbh tha air dol a cuimhne; tha mi air fas mar shaothach briste. 15 Oir chuala mi toibheum a mhor-shluaigh; agus tha eagal air gach taobh, ’m feadh tha iad dol an co’bhoinn le cheile am aghaidh, agus gabhail an comhairle thoirt air falbh m’ anama. 6 Ach bha mo dhochas annad, O Thighearn; thuirt mi, ’s tu mo Dhia. 17 Tha m’ aimsir an a’d’ laimh, saor mi o laimh mo naimhde; agus uathasan tha gam gheur leanmhuin. 18 Foillsigh do d’ sheirbheiseach solus do ghnuise; agus saor mi air sga do throcair. 19 Na bitheam air mo chlaoidh, O Thighearn, oir ghair mi ort; bitheadh na hain-diadhaidh air an cuir gu hamhla, agus cuir na ’n tosd san uaigh. 20 Bitheadh bile nam breug air an cuir nan tosd; tha labhairt gu fuileach, agus tamailteach, agus tarchuiseach, an aghaidh an fhireain. 21 O cia pailt do mhaitheas a thaisg thu suas dhoibhsin air am bheil t’eagal, agus a dhumhluich thu dhoibhsin tha cuir ’n dochais annad, eadhoin am fianuis chloinn nan daoine. 22 Foluichidh tu iad os niosal le d’ lathaireachd fein o bhrosnucha dhaoine gu leir; gleidhidh tu iad gu huaigneach ann a’d’ phailluin o stri theanga. 23 Buidheachas do ’n Tighearn; oir nochd e dhomhsa caoimhneas mor iongantach ann an baile laidir. 24 Agus ’nuair a rinn mi difir; thuirt mi tha mi air mo thilge o shealla do shuile. 25 Gidheadh, chual thu guth m’ urnuidh; ’nuair a ghlaodh mi riut. 26 O thugaibh gradh do ’n Tighearn, sibhse a naoimh as leis fein; oir tha ’n Tighearn a sabhala na muintir a tha dilis, agus a toirt duais gu pailt do luchd an uaibhreachais. 27 Bithibh laidir, agus daingnichidh e ’ur cridh; sibhs uile tha cuir earbsa san Tighearn. [TD 320] URNUIGH FHEASGAIR. Salm xxxii. Beati, quorum. ’SBeannuichte an ti g’am bheil eas ionracas air a mhatha; agus g’am bheil a pheaca air an comhdacha. 2 ’Sbeannuichte an duine do nach meas an Tighearn peaca; agus aig nach eil feall na spiorad. 3 Oir am feadh a dh’ fhan mi am thosd; chaith mo chnamhain air falbh tre mo ghearan gach la. 4 Oir tha do lamh trom orm a la ’s a dhoiche; agus tha mo bhri mar thart san t’samhra. 5 Aideacham mo pheaca dhuit; agus m’eas-ionracas cha d’ rinn mi fhalach 6 Thuirt mi, aidicheam mo pheacaibh do ’n Tighearn; agus mar sin mhaith thu aingeachd mo pheacaidh. 7 Mar so ni huile haon tha diaghaidh ’n urnuidh riut, san am a fuidhear thu; ach ann sna tuilte mor uisge cha tig iad am fagusg dha. 8 Tha thu a’d’ aite faluich dhomhsa, sabhailidh tu mi o thrioblaid; cuairtichidh tu mi ma ’n cuairt le horana saoraidh. 9 Bheir mi foghlam dhuit, agus teagaisidh mi thu san t-slighe san gluais thu; agus treorichidh mi thu le m’ shuil. 10 Na bithibhse mar each, no mulait, aig nach ’eil tuigse; a dh-fheumas am beoil bhi air an cumail le sparag agus le srian, ’n teagul gu ’n tuit iad orra. 11 Tha plaidhean mora a feitheamh air son an aindiaghidh; ach co air bith a chuireas an dochas san Tighearn, ni trocair a dhlu-ghabhail air gach taobh. 12 Bithibh ait, O sibhse fhireanna, agus deanaibh gairdeachas san Tighearna; agus bithibh aoibhneach, sibhse uile, gam bheil cridhe fior. Salm xxxiii. Exultate justi. DEanaibh gairdeachas san Tighearn O sibhse fhireanna; oir ’s maith a thig e ’n fhirean a bhith taingeil. 2 Molaibh an Tighearn le clarsaigh; seinnibh molabh dha le cruirt c agus inneal dheich teudan. 3 Seinnidh do’n Tighearn oran nuadh; seinnibh molabh dha gu togarach le sar mhisnich [TD 321] 4 Oir tha focal an Tighearn fior; agus tha uil’ oibre dileas. 5 ’S ionmhuin leis fireantach agus cothrum; tha ’n talamh lan do mhaitheas an Tighearn. 6 Le guth an Tighearn rinne na neamha; agus an armailte gu leir le anail a bheoil. 7 Tha e tional uisgeacha a chuan ri cheile, mar gum b’ann na thorr; agus a tasgaidh suas na doimhneachd mar ann an tigh stoir. 8 Bitheadh eagal an Tighearn air an domhann gu leir; seasaibh ann am fiamh roimh: ’sibhs uile tha chomhnuidh san t’ saoghal. 9 Oir labhair e, agus bha e deanta; dh’ aithn e agus sheas e gu daingean. 10 Bheir an Tighearna gu neo-ni comhairle nan cinneach; agus bheir e air as-innleachd an t sluaigh bhi gun eifeachd, agus tilgidh e thaobh comhairlibh phrionsuibh. 11 Mairidh comhairle an Tighearn gu siorruidh; agus smuainte a chridhe o linn gu linn. 12 ’S beannuichte an sluagh d’a n Dia an Tighearna Jehobha; agus ’s beannuicht a mhuintir a thagh e dha fein, gu bhi nan oighreachd aige. 13 Sheall an Tighearn anuas o neamha, agus dh’ amhairc e air uile chloinn nan daoine; agus o ionad a thighe thug e fanear iadsan uile tha chomhnuidh, air thalamh. 14 Tha e cumadh an cridheachan gu leir; agus a tuigsin an oibre uile. 15 Cha ’n fheud righ a bhi air a shabhala le lionmhoireachd armailte; ni mo a shaorar duine trein sam bith le moran neart. 16 Cha ’n ’eil san each ach ni diamhain a thearna duine; ni mo thearnas e duine sam bith le mhor neart. 17 Feuch, tha suilean an Tighearn orrasan air am bheil eagal; agus orrasan tha cuir an dochas na throcair. 18 A shaoradh an anama o bhas; agus d’am beathucha an am na gainne. 19 Dh’fheith ar n’ anam gu foidhidneach ris an Tighearna; oir se ar cobhair agus ar sgiath. 20 Oir ni ar cridhe gairdeachas ann; chean gun chuir sin ar dochas na ainm naomha. 21 Bithidh do chaoimhneas trocaireach oirne, O Thighearna; a reir ’s mar tha sinn a cuir ur ’n earbsa annad. [TD 322] Salm xxxiv. Benedicam Domino. BHEIR mi buidheachas a ghna do ’n Tighearn; bithidh mholadh gu brath ann am bheul. 2 Ni m’ anam a huaill ann sann Tighearn; cluinidh an tiriosal uime, agus bithidh e ait. 3 O molaibh an Tighearna leamsa; agus arduichimid ainm le cheile. 4 Dhiarr mi ’n Tighearn, agus chual e mi; seadh, shaor e mi o’m eagal gu leir. 5 Bha suil aca ris, agus bha iad air an soillseacha; agus cha rabh an gnuis fo naire. 6 Feuch, tha ’n bochd a g eidheach, agus tha ’n Tighearn ga chluinntin; seadh, agus saoraidh e as a thrioblaid gu leir. 7 Tha aingeal De aig fuireach ma ’n cuairt dhoibhsin air am bheil eagal; agus ni e ’n saoradh. 8 O blaisibh, agus faicibh cia grasmhor an Tighearn; ’sbeannuichte an duine a dhearbas as. 9 O bitheadh eagal an Tighearn oirbh, sibhse a naoimh; oir cha bhi dith sam bith orrasan air am bheir eagal. 10 Bithidh di air na leomhain, agus fuiligidh iad ocras; ach iadsan a dh’ iarras an Tighearn, cha bhi easbhuidh ni sam bith tha maith orra. 11 Thigibh, a chlann, agus eisdibh riumsa; teagaisgidh mi dhuibh eagal an Tighearn. 12 Ciod an duine tha miannacha bhi beo; ’s leis am b’aill laithe maith fhaicin? 13 Coimhid do theanga o olc; agus do bhile, nach labhair iad ceilg. 14 Fuathuich olc, agus dean maith; iarr sithchaimh, agus lean i. 15 Tha suile an Tighearn thairis air an fhirean; agus tha chluasa fosgailt ri ’n urnuibh. 16 Tha gnuis an Tighearn an aghaidh na muintir tha deanamh uilc; gu ’n cuineachan a spionadh amach o’n talamh. 17 Tha na fireanaibh ag eidheach, agus cluinnidh ’n Tighearna iad; agus saoradh e iad o’n trioblaid gu leir iad. 18 Tha ’n Tighearn dlu do luchd a chridhe bhruite; agus saoraidh e mhead ’s aig am bi spiorad umhal. 19 S’mor trioblaid an fhirean; ach fuasglaidh ’n Tighearn e ast uile. [TD 323] 20 Coimhididh e chnamhan gu leir; ionas nach ’eil aon diu briste. 21 Ach ni aimhleas ’n tain-diaghaidh a mharbhadh; agus bithidh iadsa bheir fuath do’n fhirean sgrioste. 22 Saoradh ’n Tighearn anma a sheirbheisich; agus cha bhi uireasbhuidh orrasan tha ’g earbsa as. URNUIGH MHAIDNE. Latha vii. Salm xxxv. Judica me, Domine. TAgair thusa mo chuis, a Thighearn, riusan tha stri rium; agus dean thusa cogadh riusan tha cogadh m’ aghaidhsa. 2 Cuir do lamh air an sgiath ’s air an targaid; agus seas suas gum chuideacha. 3 Thoir amach an t’ sleagh, agus druid an t’ slighe an aghaidh ’n dream tha g’ am gheur-leanmhuin; abair ri m’ anam smi do shlainte. 4 Bitheadh iad fo mhasladh, agus air an cuir gu naire, tha ’g iarruidh ’n deidh m’ anama; bitheadh iad air ann pilleadh air an ais, agus air an toirt gu hamhla, tha dealbh dhomh uilc. 5 Bitheadh iad mar an duslach roimh an ghaoith; agus sgapadh aingeal an Tighearn iad. 6 Bitheadh an slighe dorch agus sleamhuin; agus leanadh aingeal an Tighearn iad gu teann. 7 Oir leag iad an lion os niosal gu mise a sgrios gun aobhar seadh eadhon gun aobhar rinn iad slochd air son m’ anma. 8 Thigeadh dorain ghrad air gun fhios, agus bitheadh e air a ghlacadh san lion a dh’fholuich e os niosal; chum gu’n tuit e na olc fein. 9 Agus bithidh m’ anam ait, ann san Tigeearn; ni e gairdeachas ann a shlainte. 10 Their mo chnamhan gu leir, a Thighearn, co bha cosmhul riut, a shaoras am bochd o ’n neach tha ’ro laidir air a shon; seadh, am bochd, agus an neach tha ’n truaigh, o ’n neach tha ga chreacha? [TD 324] 11 Dheirich suas fia’naisean breige; chuir iad as mo leath nithe nach b’aithne dhomh. 12 Dhioc iad dhomh olc airson maith; gu mi-sholas mor do’m anam. 13 Gidheadh, ’nuair bha iad gu tinn, chuir mise umam sac-eudach, agus dh’ umhlaich mi m’anam le trosga; agus pillidh m’urnuidh am uchd fein. 14 Ghiulain mi mi fein mar gu ’m be mo charaid, no mo bhrathair; shiubhail mi gu dubhach mar aon ri bron airson a mhathar. 15 Ach rinn iad gairdeachas agus thionail iad ri cheile ’nuair bha mis ann an teinn; seadh, thainig na prasgain, le cheile am aghaidh gun fhios domh, a toirt sichichean reubaidh orm, agus cha’ do scuir iad. 16 Maille ris an luchd miodail bha luchd fochaid; bha toirt snaga’ orm le m fiacla. 17 Thighearna, cia fhad a sheallas tus air a so; O saor m’anam o na trioblaide tha iad a toirt orm, agus m’aon-ghradh o na leomhain. 18 Mar sin bheir mi buidheachas duit ann sa mhor thional; molaidh mi thu am measg moran sluaigh. 19 O na faidheadh an dream tha na naimhde dhomh buaidh thairis gu hain diaghaidh; ni mo chaogas iad le’n suile tha toirt fuath dhomh gun aobhar. 20 Agus ciod uime? cha ’n’eil an comhradh airson sithchaimh; ach tha iad a breannucha’ briathra cealgach naghaidh na mhuintir tha ciuin san tir 21 Thug iad sithe orm le’m beoil, agus thuirt iad; nair ort! nair ort! chunnaic sinn e le’r suile. 22 So chunnaic thu o Thighearn; na bi a’d’ thost, na siubhail fada uam, O Thighearn. 23 Mosgail, agus seas suas a thoirt breith air mo chuis stri; diol thusa mo chuis, mo Dhia agus mo Thighearn. 24 Thoir breith orm, o Thighearna mo Dhia, a ’reir t’ fhireantachd; agus na tugadh iad buaidh tharum. 25 Na habradh iad nan cridhibh, mar sin, mar sin, b’aill linn e bhi; ni mo a their iad, shluig sinn e. 26 Bitheadh iad air an cuir gu hamhla agus naire le cheile tha deanamh gairdeachas ri m thrioblaid; bitheadh iad air an eideacha le achdmhasan agus easonair tha ri uail anta fein am aghaidh. 21 Bitheadh iad ait, agus deanadh iad gairdeachas aig am [TD 325] bheil deadh ghean ri m ghniomhara ceart; seadh abradh iad a ghna, beannuichte gu’ n’ robh an Tghearn, aig am bheil tlachd ann an soirbheacha a sheirbheisich. 28 Agus airson mo theanga, bithidh i labhairt air t’ fhireantachd; agus air do mholadh re fad an latha. Salm xxxvi. Dixit injustus. THA mo chridhe foillseacha dhomh aingeachd an ain-diaghaidh; nach ’eil eagal Dhe roimh an suile. 2 Oir tha e miodal ris fein ann a shealla; gus am faithear amach a pheaca uabhar. 3 Tha briathra a bheoil ea-ceart, agus lan ceilg; leag e dheth e fein a ghiulan gu glic, agus maith a dheanamh. 4 Tha Smuainteadh turadh uilc air a leabuidh, agus cha do shuidhich e e fein ann an slighe mhaith sam bith; ni mo tha fuath aige do ni sam bith tha olc, 5 Ruinig do throcair, O Thighearn chum na neamha; agus t’ fhireantachd chum na neul. 6 Tha t’ fhireantachd a seasamh mar na beannta daingean; tha do bhreitheanais mar an doimhneachd mhor. 7 Teasairge tusa, Thighearn, araon duine agus ainmhidh; cia oirdhearc do throcair, O Dhe, agus cuiridh clann nan daoine n’ earbsa fo sgaile do sge. 8 Bithidh iad sasuichte le pailteas de thighe; agus bheir thu dhoibh deoch as do sholasibh, mar as an abhuinn. 9 Oir maille riuts tha tobar na beatha; agus ann a’d’ sholus chi sinne solus. 10 O buanaich amach do chaoimhneas gradhach dhoibhse aig am bheil eolas ort; agus dhoibhse aig am bheil cridhe fior. 11 O na thigeadh cas an ardain am aghaidh; agus na tilge lamh an ain-diaghaidh sios mi. 12 ’N sin tha iad air tuiteam, na huile tha deanamh aingeach; tha iad air an tilge sios, agus cha n’urra iad seasamh. URNUIGH FEASCAIR. Salm xxxvii. Noli æmulare. NA bitheadh lasan ort air son an aindiaghidh; ni mo bhithis farmad ort ri luchd dheanamh an uilc. [TD 326] 2 Oir gearthar sios gu luath iad mar am feur; agus seargaidh iad mar an luidh uaine. 3 Earb thusa san Tighearn, agus bi deanamh maith; gabh comhnuidh san tir, agus gu deimhin bithidh tu air do bheathucha. 4 Gabh tlachd san Tighearn; agus bheir e dhuit miann do chridhe. 5 Thoir thairis do shlighe do’n Tighearn, agus cuir do dhochas ann; agus bheir e i gu crich. 6 Ni e t’ shireantachd cho shoilleir ris an t’ sholus; agus do dheanadas chothrumach mar ard mheadhon latha. 7 Cum thus a ghna san Tighearn, agus feith gu foi’dneach air; ach na bitheadh doilgheas ort airson an neach tha soirbheacha na shlighe, an aghaidh an neach tha deanamh a reir droch chomhairle. 8 Leig dhiot corruich, agus treig diuma; na bitheadh lasan ort, no bi tu air do dhusga gu olc a dheanamh. 9 Bithidh freamh luchd deanamh na haingeachd air a spionadh amach; agus iadsan a dh’ fheitheas gu foi’dnach ris an Tighearn, aitiche iad air an tir. 10 Fathast ’seallan beag, agus bithidh n taingiaghidh ar falbh gu glan; seallidh tu deidh n aite, agus bithidh e air falbh. 11 Ach sealbhuichidh an neach gam bheil spiorad ciuin an talamh; agus bithidh e air ath-urachadh ann an lionmhoirachd sithchaimh. 12 Tha ’n ain diaghaidh ’g iarraidh chomhairle n aghaidh an fhirean; agus a toirt snaga air le fhiacla. 13 Ni ’n Tighearn gaire fochaid ris; oir chunnaic e gu m bheil a latha a teachd. 14 Tharruing na tain diaghaidh mach an claidhe, agus lub iad am bogha; a thilge sios an truaghain agus fheumuich; agus a mharbha mheud ’s aig am bheil caith beatha cneast. 25 Theid an claidhe trid an cridhe fein; agus bithidh ’m bogha air a bhrisidh. 16 Sfear am beagan tha aig an fhirean; na ’m bearteas mor th’aig an ain diaghaidh. 17 Oir bi gairdeana an aindiaghaidh air am briseadh; agus cumidh ’n Tighearn suas am firean. 18 S aithne do’n Tighearn laithibh nan daoine diaghaidh; agus mairidh an oighreachd gu brath. 19 Cha bhi iad air an claoidhe ann am a ghabha; agus bithidh ni ’s leoir aca ann an laithibh na gainne. [TD 327] 20 Airson nan ain diaghaidh, theid an leirsgrios, agus caithidh naimhde an Tighearna mar shaill nan uan; seadh, caithidh iad air falbh eadhoin mar an deatach. 21 Gabhaidh ’n tain diaghaidh an iosad, agus cha diol e ris; ach tha m firean trocaireach, agus fial. 22 Mhead ’s tha beannuichte le Dia, sealbhuichidh iad an tir; sa mhead ’s tha malluichte leis, spionar amach iad. 23 Tha ’n Thighearna ’g orducha gluasad an deadh dhuine; agus a deanamh a shlighe taitneach dha fein. 24 Ge d’ thuit e, cha tilgear air falbh e; oir tha ’n Tighearn ga chumail suas le laimh. 25 Bha mi og, agus anois tha mi sean; agus fathast cha ’n fhaca mi riamh am firean air a dhearmad, na shliochd a ’g iarruidh na beatha. 26 Tha ’m firean a ghna trocaireach, agus coingheallach; agus tha shliochd beannuichte. 27 Teich on olc, agus dean an ni tha maith; agus gabh comhnuidh gu brath. 28 Oir ’s ionmhuin leis an Tighearn ann ’ni tha ceart; cha’ n’ eil e dearmad a mhuintir fein tha diaghaidh, ach tha iad air an tearna gu siorruidh. 29 Nithear peanas air an eas-ionraic; air son sliochd an ain-diaghaidh, bithidh e air a spionadh amach. 30 Sealbhaiche ’m firean air an tir; agus gabhaidh e comhnindh ann gu siorruidh. 31 Tha beul an ionraic air a chleachda ann an gliocas; agus bithidh theanga labhairt mu breitheanas. 32 Tha ladh a Dhia na cridhe; agus cha sleamhnuich a ghluasachd. 33 Chi ’n tain-diaghaidh am firean; agus iarruidh e fath gu mharbhadh. 34 Cha ’n fhag an Tighearn na laimh e; ’s cha ditear e’ nuair bheirear breith air; 35 Cursa do dhochas san Tighearn, agus coimhead a shlighe, agus soirbhichidh e leat, gus an sealbhuich thu an tir; ’nuair theid an tain-diaghaidh a leir-sgrios, chi thu e. 36 Chunnaic mi fein ’n taingidh ann an cumhachd mor; agus a sgaoileadh mar ur-chrann uaine. 37 Chaidh mi seachad, agus feuch, shiubhail e; dh’iarr mi e, ach cha ghabhadh aite gleidhe an ionad ar bith. 38 Gleidh neo-chiontas, thoir aire do’n ni tha ceart; oir bheir sin sithchaimh da dhuine fa dheire. [TD 328] [Taobh-duilleig 300 san leabhar fhèin] 39 Air son luchd an easaontas, leir sgriosar iad le cheile agus se ’s crioch do na haindiaghaidh gun spionar amach iad fa dheire. 40 Ach bha slainte an fhirean a teachd o’n Tighearn; an ti fos is e an neart ann am trioblaid. 41 Agus seasaidh an Tighearna leo, agus ni e ’n tearnadh; ni e ’n saoradh on ain-diaghaidh, agus sabhailidh e iad, cheann gu bheil iad a cuir an dochas ann. URNUIGH MAIDNE. Latha viii. Salm xxxviii. Domine, ne in furore. NA cuir gu hachdmhasan mi, O Thighearn, ann a’d’ fheirg; ni mo smachduicheas tu mi ann a’d throm dhiuma. 2 Oir tha do shaighde saite gu dlu annam; agus tha do lamh gam teanna gu goirt. 3 Cha ’n ’eil slainte am fheoil, air son do dhiuma; ni mo tha fois am chnamhan, air son mo pheaca. 4 Oir tha m’ aingeachda air dol thar mo cheann; agus tha iad mar ualach ghoirt, tuille ’s trom dhomhsa ri ghiulan. 5 Do m’ chreachda tha droch bholadh, agus tha iad truaillidh; tre m’ aimideachd. 6 Tha mi air mo thoirt gu trioblaid agus truaighe cho mhor; ’s gu ’m bheil mi siubhal am bron re fad an latha. 7 Oir tha mo leasraidh air an lionadh le eacail ghoirt; agus cha ’n ’eil ball slan am chorp. 8 Tha mi lag, agus air mo bhualadh gu goirt; bheuchd mi le fior mhi-shuaimhneas mo chridhe. 9 A Thighearna, ’s aithne dhuit mo mhiann uile; agus cha ’n ’eil m’osnuich foluichte uait. 10 Tha mo chridhe ploscairtaich, dh’ fhailnich mo neart mi; agus dh’ fhag sealla mo shul mi. 11 Sheas mo choimhearsnaich, agus luchd mo ghaoil ag amharc air mo thrioblaid; agus sheas mo chairde fad as. 12 Leag iadsan fos a dhiarr m’ anam, ribeadh air mo shon; [TD 329] agus an dream a chaidh man cuairt gu cron a dheanamh, labhair iad mu aingeachd, is bhreanuich iad ceilg re fad an latha. 13 Air mo shonsa, bha mi mar dhuine balbh, agus cha chuala mi; agus mar aon tha balbh, nach fosgail a bheul. 14 Dh’ fhas mi mar dhuine nach cluinn; agus aig nach ’eil achdmhasan na bheul. 15 Oir annadsa, O Thighearna, chuir mi mo dhochas; freagraidh tus, as mo leith, O Thighearna mo Dhia. 16 Dhiarr mi nach tugadh iad eodhoin mo naimhde, buaidh thairis orm; oir nuair a thuisle mo chas, rinn iad gairdeachas gu mor am aghaidh. 17 Agus nise, gu firineach, tha mi suighte san phlaidh; agus tha mo throm bhron a ghna am shealla 18 Oir aidichidh mi m’ aingeachd; agus bithidh mi bronach air son mo pheacaidh. 19 Ach tha mo naimhde beo, agus tha iad cumhachdach, agus tha iadsan lionmhor an aireamh, tha toirt fuath dhomh gu heacorach. 20 Tha iadsan fos am aghaidh, tha aig iocaidh uilc air son maith; cheann gu bheil mi leantuinn an ni tha maith. 21 Na treig mi, O Thighearna mo Dhia; na biosa fada uam. 22 Deansa deifir gum chuideachadh; O Thighearna Dhe mo shlainte. Salm xxxix Dixi, custodiam. THUIRT mi, bheir mi ’n aire do’m shlighibh; nach toir mi oilbheum le’m theangaidh. 2 Gleidhidh mi mo bheul mar le srian; ’m feadh tha ’t ain-diaghaidh am shealla. 3 Chum mi mo theanga, agus cha do labhair mi bheag; bha mi am’ thosd, seadh, iadhoin o bhriathra maith; ach bha e na phein agus na dhoighleas domh. 4 Bha mo chridhe teith ’n taobh a stidh dhiom, agus am feadh bha mi mar so a smaoineacha, las an teine; agus fadheire labhair mi le m’ theangaidh. 5 Thighearna, faitheam fios air mo chrich, agus aireamh mo laithean; chum gu ’m faith mi cinnte cia fad a bhitheas mi beo. 6 Feuch, rinn thu mo laithean mar fhad na boise; agus tha [TD 330] m’aois direach mar neo-ni a’ d’ thaobhs’, agus gu deamhin ’s diamhanas gach duine beo gu hiomlan. 7 Oir tha ’n duine gluasachd ann sgaile diamhain, agus ga dheanamh fein mi-shuaimhneach an diamhanas; tha e carnadh suas saibhreis, agus cha ’n urr e innse co thionalas iad. 8 Agus anois, a Thighearna, ciod e mo dhochas; gu firineach tha mo dhochas annadsa. 9 Saor mi o m’ oilbheuma gu leir; agus na dean mi am achdmhasan do luchd na haimeadachd. 10 Dh’ fhas mi balbh, ’s cha d’ fhosgail mi mo bheul; oir be do dheanadas a bh’ ann. 11 Thoir uam do phlaidh; tha mi direach air mo chaithe le cud-throm do laimhe. 12 Nuair a smachduicheas tu le hachdmhasana duine air son peacaidh, tha thu toirt air a mhaise caithe as mar reudan a cnamh euidich; ’s diamhanas uime sin gach duinc. 13 Eisd m’ urnuidh, O Thighearna, agus le d’ chluasaibh hoir fanear mo ghlodhaich; na bi a’d’ thosd ri m’ dheoir 14 Oir tha mi ’m choigreach maile riutsa, agus am fhear cuairt; mar bha m’ aithribh uile 15 O caomhain mi uine bheag, chum gu ’n ath-leasaich mo spionadh; mun teid mi a so, ’s nach fhaicear mi ni smo. Salm xl. Expectans, expectavi. DH’ fheith mi gu faidneach ris an Tighearna; agus chrom rium, agus chual e mo ghlaodh. 2 Thug e mi fos as an t’slochd uamhan, as an laitheach agus as a chria; agus shuithich e mo chasan air carraig, agus dhorduich e mo ghluasachda. 3 Agus chuir e oran nuadh am bheul; iodhoin breath-bhuidheachas da ’r Diane. 4 Chi moran e, agus bith eagal orra agus cuiridh iad an dochas san Tighearna. 5 ’Sbeannuichte an duine a shuithich a dhochas san Tighearn; agus nach do phill ri luchd an ardain, agus ris an dream theid ma ’n cuairt le breugan. 6 O Thighearna mo Dhia, ’s mor na hoibre iongantach a rinn thu, mar tha fos do smuainte, tha dar taobhne; agus gidheadh cha ’n ’eil duine sam bith gan cur an orducha dhuitse. 7 Na ’n cuirin an ceill iad, agus gu ’n labhruin orra; bhithidh iad na smo na gu ’m b’urra mi an airis. [TD 331] 8 Iobairt ni tabhartas bithe cha b’ aill leat; ach dh’ fhosgail thu mo chluasa. 9 Tabhartais loisgte, agus iobairt air son peacaidh cha d’ iarr thu; ’n sin thuirt mi, feuch, tha mi teachd. 10 Ann an rola an leabhair tha e scriobhta umamsa, gu’n coi-lionair do thoil, O mo Dhia; tha mi toilichte a dheanamh, seadh, tha do lagh an leath a stidh do m’ chridhe. 11 Chuir mi t’ fhireantachd an ceill sa cho-thional mhor; feuch, cha chaisg mi mo bhile, O Thighearn, agus ’s aithne dhuit sin. 12 Cha d’ fholuich mi t’ fhireantach ’n leath a stidh mo chridhe; bha mo chainnt air t’ fhirinn, agus air do shlainte. 13 Cha ’do chum mi air ais do throcair ghradhach, agus t’ fhirinn; o’n cho-thional mhor. 14 Na tarruing thus air ais do throcair uam, O Thighearn; deanadh do chaoimhneas gradhach agus t’ fhirinn mis a thearna a ghna. 15 Oir tha trioblaide gun aireamh air teachd man cuairt domh; ghabh mo pheaca a leithid a ghreim orm, snach urra mi sealltuin suas; seadh, tha iad na slionmhoire an aireamh na falt mo chinn, agus dh’ fhailnich mo chridhe mi. 16 O Thighearna, gu m be do dheadh ghean mis a shaoradh; dean difir, O Thighearna, gu cobhair orm. 17 Bitheadh iad fo naire, agus air an claoidh le cheile, tha ’g iarruidh ’n deidh m’ anama gu a sgrios; bitheadh iad air an iomain air an ais, agus air an cronucha tha runacha uilc dhomh. 18 Bitheadh iad fas, agus le naire thugar duais dhoibh; tha ’g radh rium, nair ort! nair ort! 19 Bitheadh iadsa uile aoibhneach tha gad iarruidh; agus abradh a mhead ’s le ’n ionmhuin do shlainte a ghna, gu ’n robh ’n Tighearn air a mholadh. 20 Air mo shonsa, tha mi bochd agus ainiseach; ach tha curam aig an Tighearn dhiom. 21 Stu m’ fhear cuidich, agus ’m fhear saoraidh; na dean fuireach fada, O mo Dhia. URNUIGH FEASGAIR. Salm xli. Beatus qui intelllgit. SBeannuichtc eisin a bheir fanear am bochd agus an tainiseach; saoruidh ’n Tighearn e an am na trioblaid. [TD 332] 2 Tearnuidh ’n Tighearn e, agus ni e choimhead beo, chum gu ’m bi e beannuichte air thalamh; agus na toir thusa thairis e gu toil a naimde. 3 Gu’n tuga an Tighearna co-fhurtachd dha ’nuair a laidheas e gu tinn air a leabaidh; dean thus a leaba gu leir an am a thinnis. 4 Thuirt mi, Thighearn, bi trocaireach dhomh; leighis m’ anam, oir pheacich mi a’d’ aghaidh. 5 Tha mo naimhde a labhairt uilc umam; c’uin a gheibh e bas, agus a theid ainm gu di. 6 Agus ma thig e ’m fhaicin, labhraidh e diamhanas; agus tha chridhe an leath a stidh dheth a gabhail breige, agus nuair thig e mach ni e innse. 7 Tha mo naimhde gu leir a cogarsaich ri cheile am aghaidh; iodhoin am aghaidh tha iad a deilbh an uilc so. 8 Thigeadh binne a chiontaich amach na aghaidh; agus a nois gu ’m bheil e na laidhe, na eireadh e ni smo. 9 Seadh, mo charaid daimhail, ann do chuir mi m’ earbsa; a dhith fos m’ aran, leag e mor fheithe air mo shon. 10 Ach bi thusa trocaireach dhomh, O Thighearn; togsa suas mi aris, agus bheir mi duais doibh. 11 Le so tha fhios agam gu bheil do dheadh-ghean domh; nach eil mo naimhde toirt buaidh am aghaidh. 12 Agus nuair tha mi am shlainte tha thu gam chumail suas; agus cuiridh tu mi a’d’ lathair gu siorruidh. 13 Beannuichte gu ’n robh Tighearna Dia Israel; saoghal gun chrich. Amen. Salm xlii. Quemadmodum. MAR tha ’m fiagh ’g iarruidh nan struthan uisge; mar sin tha m’ anam an geall ortsa, O Dhe. 2 Tha iotadh air m’anam airson Dhe, seadh, airson an Dia bheo: cuin a thig mi sa dh’ fhoillsichar mi roimh lathaireachd Dhia? 4 ’Nois nuair a smuainicheas mi air so, tha mi dortadh mach mo chridhe leam fein; oir chaidh mi leis a mhor-shluadh, agus thug mi iad gu tigh Dhe; 5 Ann an guth molaidh agus breath bhuidheachais; a measg na muintir tha coimhead latha saor. [TD 333] 6 C’arson tha thu co lan do throm bhron, o m’anam; agus c’arson tha thu co mhi-shuaimhneach an taobh a stidh dhiom? 6 Cuir t’earbsa ann an Dia; oir bheir mi fathast buidheachas d’a air son cobhair a ghnuise. 8 Mo Dhia, tha m’anam air a chradh an taobh stigh dhiom; uime sin cuimhnicheam thu mu thiomchiol tir Iordain, agus tuluich bheag Hermoin. 9 Tha doimhneachd a gairm air doimhneachd eile, air son fuaim nam feadan uisge; tha do thuinn agus do dhoimhneanibh uile air dol thairis orm. 10 Dheonuich an Tighcarn a chaoimhneas gradhach a’n am an latha; agus an am na hoiche rinn mi ceol uime, agus rinn mi m’urnuidh ri Dia mo bheatha. 11 Their mi ri Dia mo neart, c’arson a dhi-chuimhnich thu mi; c’arson tha mi ’g imeachd mor tuirseach feadh tha mo namhad gam fhoirignidh? 12 Tha mo chnamhan air am bualadh o’ cheile mar gum b’ann le claidhe; ’m feadh tha mo naimhde tha cuir trioblaid orm a tilg orm sna siacla; 13 Gu sonriughte ’m feadh tha iad ag radh rium gach latha; c’aite anoise ’m bheil do Dhia. 14 C’airson tha thu mar sin air do chradh, O m’anam; agus c’arson tha cho mhi-shuaimhnich an taobh a stidh dhiom? 15 O earb san Tighearna; oir bheir mi fathast moladh dha, ’n ti a se cobhair mo ghnuise, agus mo Dhia. Salm xliii. Judica mi, Deus. THoir breith leamsa, O Dhe, agus dion mo chuis an aghaidh ’n tsluaigh ain diagaidh, O saor mi on duine chealgach agus aingidh. 2 Oir s’tu Dia mo neart, c’arson a chuir thu uat mi; agus c’arson tha mi siubhal cho tuirseach, ’m feadh tha ’n naimhaid gam fhoireigneadh? 3 O cuir amach do sholus agus t’fhirinn chum gu’n treoruich iad mise; agus gu ’n toir iad mise gu d’ thuluich naomha, agus gu t’aite comhnuich. 4 Agus chum gu ’n teid mi gu altair Dhia, iodhoin gu Dia m’aiobhnais agus m’aitis; agus air a chlarsaich bheir mi buidheachas duit, O Dhe, mo Dhia. 5 C’arson tha thu cho tuirseach, o m’anam, agus c’arson tha thu cho mhi-shuaimhneach an taobh a stigh dhiom? [TD 334] 6 O cuir t’ earbsa an Dia; oir bheir mi taing dha fathast, ’n ti a se cobhair mo ghnuise, agus mo Dhia. URNUIGH MHAIDNE. Latha ix. Salm xliv. Deus, auribus CHuala sinn ler cluasa, O Dhia, dhinnis ar ’n aithriche dhuinn; ciod a rinn thu na’ n amsa O shean. 2 Cia mar dhiomain thu mach na cinnich le d’ laimh, agus a shuithich thu iadsan a steach; cia mar sgrios thu na cinnich, agus a thilg thu mach iad. 3 Oir cha d’ fhuair iad seilbh san tir le n claidhe fein; ni mo be an gairdean fein a chuidich iad. 4 Ach do lamh dheas, agus do ghairdean, agus solus do ghnuise; chean gu m robh do dheadh-ghean riu. 5 S’tu mo righ, O Dhe; cuir cobhair gu Iacob. 6 Leatsa cuiridh sinn bun-oscionn ar naimhde; agus ann a’d ’ainm saltraidh sin fodha ’n dream tha ’g eiridh suas nar aghaidh. 7 Oir cha n earb mi a m’bhodha; cha ’n e mo chlaidhe ni cobhair orm. 8 Ach s’tus a shabhalas sinn o’r naimhde; agus a chuireas gu hamhladh iadsan aig am bheil fuath dhuinn. 9 Ni sinn ar ’n uaill a Dia re fad an latha; agus molaidh sinn tainm gu siorruidh. 10 Ach tha thu nois fad as, agus a cuir amhladh oirne; cha’n’eil thu dol amach le’r ’narmailte. 11 Tha thutoirt oirn ’ur cul a thionda ri ar naimhde; ionnas gu m bheil iadsan tha toirt fuath dhuinn, a creachadh ar maoin. 12 Tha thu ceaducha dhuinn a bhi air ar ’n ithe suas mar chaoirich; agus sgap thu sinn am measg nan cinneach. 13 Tha thu reice do shluaidh airson neo ni; agus cha’ n’eil thu gabhail airgid air an son. 14 Tha thu toirt oirn a bhi air ar cronucha le’r coimhearnaich; s a bhi na’r n’aobhar ghaire, agus n’ar cuis mhagaidh dhoibh sin tha man cuairt duinn. [TD 335] 15 Tha thu gar deanamh nar leith fhocal a measg nan cinneach; agus gu bheil an sluagh a crathagh an cinn rinn. 16 Tha m’amhladh am lathair gach latha; agus dh’fholuich naire mo ghnuis mi; 17 Air son guth an fhir toilbheum agusbh lasbheum; airson an namhaid agus an dioltuich. 18 Agus ged tha so uile air teachd oirn, gidheadh cha’ n’eil sinn dearmadadh ortsa; na gar giulan fein daoirbh an a’d ’chumhnante. 19 Cha’ ’neil ar cridhe a pille air ais; na ar ceuma a dol as do shlighe; 20 Cha’ n’eil, nuair a bhuail thu sinn an aite dhragoin; agus a dh’fholuich thu sinn le sgail a bhais. 21 Ma dhearmad sinn ainm ar Dia, agus ar lamh an a chumail suas ri Dia coimheach; nach rannsuich Dia amach e? oir ’s aithne dha fos dhiamhaireachd a chridhe. 22 Air do sgasa fos tha sinn air ar marbha re fad an latha; agus air ar meas mar chaoirich air an orducha gu bhi cosgairt. 23 Eirich, a Thighearn, c’arson tha thu cadul; mosgail, agus na bi air astar uain gu brath. 24 C’arson a dh’fholuicheas tu do ghnuis agus a dhearmadas tu ar truaighe ’s ar trioblaid? 25 Oir tha ar n’anam air a thoirt iosal, iodhoin chum an dusluich; tha ar bru air leantuin ris an uir. 26 Eirich, agus dean cobhair oirn; agus fuasgail oirn air sga do throcair. Salm xlv. Eructavit cor meum. THA mo cridhe a deachda deadh chuis; tha mi labhairt mu na nithe a rinn mi d’on righ. 2 Tha mo theanga ealanta: mar pheann deadh chleirich. 3 S’tu issmaisiche na clann daoine; tha do bhile lan grais, cheann gan bheannuich Dia thu gu brath. 4 Criosruich thu fein led’ chlaidhe air do leise, O thus ’s ro chumhachdaiche; a reir t’onoir s do mhor chliu. 5 Gum bithidh deadh shoirbheas agadsa le tonair; marcuich air t’aighaidh airson guth na firinn, a chiuinis, agus na sireantachd; agus teagaisigdh do lamh dheas duit nithe uabhasach, 6 Tha do shaide ro gheur, agus bithidh ’n sluagh air an ceannsucha dhuit; eodhoin sa mheadhon a measg naimhde an Righ. [TD 336] 7 Mairidh do chathair, O Dhe, gu siorruidh; ’slat shuaicheantais cheart slat shuaicheantais do righeachd. 8 Thug thu gradh do ’fhireantachd, agus fuath do eaceart; uime sin rin Dia, iodhoin do Dhiasa, d’unge le ola aoibhneis oscionn do chompanich. 9 Tha do’ taodach boladh mirr, alos, agus casia; as na luchirtibh ibhri leis an d’ rinn iad thusa ait. 10 Bha nigheanna righre ameasg do mhnaithean onarach; air do laimh dheis sheas a bhanrigh ann an trusgan oir, air oibreacha man cuairt le dathun eag-samhla. 11 Eisd o nighean, agus thoir fanear; crom do chluas, di-chuimhnich fos do shluagh fein, agus tigh t’athair. 12 Mar sin bithidh tlachd aig an righ ann a’d’ sgeimh; oir ’se an Tighearna do Dhia e, agus dean thusa adhra dha. 13 Agus bith nigheana Thire ’n sin le tiodhlach; mar’na daoine beartach measg an t’fluaidh ni iad an gearan a d lathair. 14 Tha nighean an righ uile glormhor an taobh a stigh; tha h’aodach do or oibrichte. 15 Bheirear i dhionnsuidh ’n righ ann an sgeuducha a dh’ obair snathaide bithidh na maighdeana ’s ban chompanich dhi a cumail cuideachd rithe, agus bheirear a’d’ ionnsuidhse iad. 16 Le aiteas agus aoibhneas bheirear ann iad; agus theid iad a stidh ann an luchuirt an righ. 17 Ann an aite t’aithrichean bi agad clann; d’am feud thu prionsachan a Dheanamh ann sgach tir. 18 Cuimhnuichidh mi t’ainm o aon linn gu linne eile; uime sin bheir an sluagh taing dhuit, saoghal gun chrich. Salm xlvi. Deus noster refugium. ’SE Dia ar neart agus ar dochas; cobhair ro dheas ann an trioblaid. 2 Uime sin cha bhi eagal oirn ge d’ ghluais an talamh; agus ge d’ ghiulainear na cnoic gu meadhon na fairge. 3 Ge d’ bheuchd agus ge d’ att a huisgeacha; agus ge d’ chrithich na beannta le an doinion. 4 Ni aibhnichean a tuille chathair Dhia ait; ionad naomha pailluin an ti ’s ro airde. 5 Tha Dia n’a meadhon, uime sin cha athraichear i; ni Dia cobhair oirre, agus sin gu ro mhoch. 6 Tha na cinnich deanamh moran uaighnaich, agus tha na [TD 337] righeachda air dusga; ach dh’ fhoillsich Dia a ghuth, agus leaghaidh ’n talamh as. 7 Tha Tighearna nan sluagh maille rinne; ’s e Dia Jacob ar tearmunn. 8 O thigibh an so, agus faicibh oibre an Tighearn; ciod an sgrios a thug e air an talamh. 9 Tha e toirt air a chogadh sgur ann san t’saoghal uile; tha e briseadh a bhodha, agus a spealga na sleadha na bloide, agus a losga na ’n carbad san teine. 10 Bi samhach ma seadh, agus aithniche gur mise Dia; bithidh mi air m’ arducha a measg nan cinneach, agus bithidh mi air m’ arduch’ air an talamh. 11 Tha Tighearna nan sluagh maille rinne; ’s e Dia Jacob ar tearmunn. URNUIGH FHEASGAIR. Salm xlvii. Omines gentes, plaudite. O Buailibh ’ur basaibh ri cheile, a shluagh gu leir; O seinnibh do ’n Tighearna le guth binn-cheol. 2 Oir tha ’n Tighearn ard, agus na chuis eagail; ’se an Righ mor air an talamh uile. 3 Ceannsuichidh e ’n sluagh futhuin agus na cinnich fo ar casan. 4 Roghnuichidh e mach oighreachd dhuinn; iodhoin oighreachd Jacob, da n tug e gradh. 5 Chaidh Dia suas le fuaim shubhach; agus an Tighearna le fuaim trompaid. 6 O seinnibh moladh, seinnibh moladh d’ar Dia; O seinnibh moladh, seinnibh moladh d’ar righne. 7 Oir se Dia Righ an talmhain uile; seinnibh moladh le tuigse. 8 Tha Dia a’ riaghluch os’cionn nan cinneach; tha Dia na shuidhe na ionad naomh. 9 Tha prionnsachan an t’sluaigh air dluthacha ri sluagh Dia Abraham: oir tha Dia, a tha air arducha gu harda, a dionadh an talmhain, mar gu ’m b’ann le sge, [TD 338] Salm xlviii. Magnus Dominus. ’S MOR an Tighearn, agus ’s airidh e bhi air a mholadh gu hard; ann an cathair ar De’ne, iodhoin air a thulaich naomha. 2 ’S ionad maiseach tuluich Shion, agus aoibhneas an talmhain gu hiomlan; air an taobh ma thuath tha cathair an Righ mhoir na laidhe; tha Dia deadh aithnichte ann a luchuirtibh, mar thearmunn cinnteach. 3 Oir feuch, tha righre an talmhain air tional agus air siubhal seachad le cheile. 4 Ghabh iad ionadh a leithid a nithe fhaicin; ghabh iad iongantas, agus tha iad air an tilge sios gu grad. 5 Thainig eagal agus bron orra ann sin; mar air mnaoi ri saothair chloinne. 6 Brisidh tu loingeas a chuain le gaoith an ear. 7 A reir mar a chuala sinn, mar sin chunnaic sinn ann an cathair Tighearna nan sluagh, ann an cathair ar De; cumaidh ’n Tighearn suas i gu brath. 8 Tha sinne feithe ri d’ chaoimhneas gradhach, O Dhia; ann am meadhon do theampuil. 9 O Dhe, a reir t’ainme, mar sin tha do mhola’ gu crich an domhan; tha do lamh dheas lan fireantachd. 10 Deanadh beinn Shioin gairdeachas, agus bitheadh nighean Juda ait; air son do bhreitheanais. 11 Siubhail tiomchioll Shioin, agus imich mu ’n cuairt di; agus aireamh a turaite. 12 Beachduichidh gu geur air a babhuin, cuiribh suas a tighean; chum gu’n innis sibh dhoibhsin a thig nar deidh. 13 Oir se ’n Dia so ar Diane gu saoghal nan saoghal; bithidh e na fhear stiuraidh dhuinn gus an tig am bas. Salm xlvix. Audite hæc omnes. O Eisdibh so, a shluaigh gu leir; thugadh fanear e le’r cluasa, sibhs uile tha chomhnuidh san domhan. 2 Ard agus iosal, beartach agus bochd; le cheile. 3 Labhraidh mo bheul air gliocas; agus smuainichidh mo chridhe air tuigse. 4 Aomaidh mi mo chluas ris a chosamlachd; agus feuchuidh mi mo chainnt dhorch air a chlarsaich. [TD 339] 5 Ciod uime bhitheadh eagal orm ann an la na haingeachd; agus an ’nuair a dhiathas aingeachd mo shailte mu ’n cuairt domh. 6 Tha cuid aig earbs as am maoin; agus a deanamh uaill asta fein ann an lionmhaireachd am beartais. 7Ach cha ’n fheud duine a bhrathair fhuasgla; na reiteadh a dheanamh ri Dia as a leith. 8 Oir chost e tuille a dh’ fhuasgladh an anma; ionnas g m feum e sin a leaga dheth gu siorruidh. 9 Seadh, ged fhaith e beatha fhada; agus ge nach fhaic e an uaigh. 10 Oir tha e faicin gu bheil daoine glice a fhaghail fa bais mar an ceudna, agus a dol a dhith le cheile; cho mhath ris an ain-eolach agus ris an amaideach, agus a fagail am beartais do chach. 11 Agus gidheadh tha iad am barrail gu mair an tigheansa gu brath; agus gum buanuich an aiteacha comhnuidh o linn gu linn, agus tha iad aig ainmeacha an tire an deidh n’ainme fein. 12 Gidheadh, cha ’n fhuirich duine an onair; do bhrigh gum feudar a shamhlucha ris na hainmhidhean a theid gu dith; si so nan slighe. 13 Se so an amaideachdsa; agus molaidh an sliochd am briathra. 14 Tha iad a laidhe an ifrinn mar chaoirich, tha am bas a cnamh orra, agus bithidh uachdranachd aig an fhirean thairis orra ann sa mhaduin; caithidh am maise san uaigh o’n ionada comhnuidh. 15 Ach shaor Dia m’ anam o ionad ifrinn; oir gabhaidh e fein mi. 16 Na bi thusa fo eagal ged’ nithear neach beartach; na ge d’ theid gloir a thighe am mead. 17 Oir cha ghiulain e bheag air falbh leis, ’nuair a gheibh e bas; ni mo a leanas a ghreadhnachas e. 18 Oir am feadh a bha e beo, mheas e e fein na dhuine sona; agus am feadh a ni thu gu maith dhuit fein labhraidh daoine gu maith umad. 19 Leanadh e linne aithriche; ’s cha ’n fhaic e m’ feast solus. 20 Duine ann an onair ach gun tuigse; tha air a choimeas ris na hainmhidhean a theid gu dith. [TD 340] URNUIGH MHAIDNE. Latha x. Salm l. Deus deorum. LAbhair an Tighearn, iodhoin an Dia ’s ro airde; agus ghairm e ’n domhan, O eiridh na greine, gu a dol fudha. 2 Dh’ fhoillsicheadh Dia a Sion; ann an sgeimh iomlan. 3 Thig ar Dia, agus cha bhi e na thosd; theid teine loisgeach roimhe, agus duisgear suas doinion gharbh m’ an cuairt d’a. 4 Gairmidh e na neamha o’n airde; agus an talamh, chum breith a thoirt air a shluagh. 5 Tionailidh mo naoimh am ionnsuidh; a mhuintir ùd a rinn cumhnanta rium le hiobairt. 6 Agus cuiridh na neamha an ceill fhireantachd; oir se Dia fein am breith. 7 Eisdibh, O mo shluagh, agus labhraidh mi; bheir mi fein dearbha a taghaidh, O Israel; oir ’s mise Dia, iodhoin do Dhiasa. 8 Cha chronuich mi thu air son tiobairte, na airson do thabhartais loisgte; chean nach robh iad a ghna am fhiadhnais. 9 Cha gabh mi tarbh as do thigh; na boc gaibhre as do chro. 10 Oir ’s leamsa uile bheathaiche na fridhe; agus mar sin ’s leam an spreidh air mhile cnoc. 11 ’S aithne dhomhsa gach eunlaith air na beannta; agus tha na beathaiche fiadhaich ann am shealla. 12 Ma bhitheas ocras orm, cha ’n innis mi dhuitse e; oir ’s leams an domhan gu leir, agus na huile ni th’ann. 13 ’M bheil thus am barail gu ’n ith mise feoil tharbh; agus gu ’n ol mi fuil ghabhar? 14 Tairg do ’n Tighearn breithbuidheachas; agus ioc do mhoidean do ’n ti ’s airde. 15 Agus gair ormsa an am trioblaid; mar sin cluinidh mi thu, agus bheir thu moladh dhomh. [TD 341] 16 Ach ris an ain-diaghaidh thuirt Dia; c’arson tha thu searmonacha mo laghsa agus a gabhail mo chumhnanta a’d’ bheul. 17 ’Nuair tha fuath agad a bhith air t’ath-leasuchadh; agus a thilg thu mo bhriathra air do chulthaobh? 18 ’Nuair chunuaic thu gadaiche, dhaontaich thu leis; agus bha thu t’ fhear copairt le luchd an adhaltranais. 19 Cheaduich thu do’d bheul aingeachd a labhairt; agus led’ theangaidh chuir thu mach ceilg. 20 Shuidh thu agus labhair thu ’naghaidh do bhrathar; seadh, agus thug thu tiobheum do mhac do mhathar. 21 Rinn thu na nithe sin, agus bha mis am thosd, agus smuainich thu gu haingidh, gum bheil mise direach mar thu fein; ach cronuichidh mise thu, agus cuiridh mi a’d lathair na nithe a rinn thu. 22 O thugadh so fanear, sibhse tha dearmad Dhia; ’n teagal gu ’n spion mis air falbh sibh, ’snach bi a haon ann a ni fuasgla’ oirbh. 23 Co air a bith a bheir buidheachas agus moladh dhomhsa, tha e cuir onair orm; agus dhasan a dh’orduicheas a beatha air choir, feuchaidh mise slainte Dhe. Salm li. Miserere mei Deus. DEan trocair orm, O Dhe, a reir do mhor mhaitheis; a reir lionmhaireachd do throcaire, duth as mo lochda. 2 Ionlaid mi gu glan o m’aingeachd; agus glan mi o’ m pheaca. 3 Oir tha mi ’g aideacha mo choireana agus tha mo pheaca a ghna am fhia’nais. 4 A’ taghaidhse amhain pheacaich mi, agus rinn mi ’n tolc so ann a’d’ shealla; chum gu ’m bithe tu air t’fhireanacha ann a’d’ bhriathra, agus glan ’nuair bheirte breith ort. 5 Feuch, bha mi air mo chumadh an aingeachd; agus ann am peaca thorruiche mo mhathair orm. 6 Ach feuch, iarruidh tu firinn an leith a stigh; agus bheir thu orm gu ’n tuig mi gliocas gu huaigneach. 7 Glanaidh tu mi le hisop, agus bithidh mi glan; ni thu m’ionlad, agus bithidh mi ni sgile na sneachda. 8 Bheir thu orm gu ’n cluinn mi mu aoibhneas agus aiteas; chum gu ’n dean na cnamhan a bhris thu gairdeachas. 9 Tionda do ghnuis o m’ pheacaibh; agus cuir as m’eacoire gu leir. [TD 342] 10 Dean dhomh cridhe glan, O Dhia agus ath nuadhaich spiorad ceart an taobh a stigh dhiom. 11 Na tilg o’ d’ lathair mi; agus na toir do spiorad naomha uam. 12 O thoir dhomh solas do chobhair aris; agus daingnich mi led’ spiorad saor. 13 ’N sin teagaisgidh mi do shlighe do’n aingidh; agus iompaichear peacaire a d’ ionnsidh. 14 Saor mi o chionta fala, O Dhia, thusa is Dia mo shlainte agus seinnidh mo theanga air t fhireantachd. 15 Fosgluidh tu mo bhile, O Thighearn, agus foillsichidh mo bheul do mholadh. 16 Oir cha’ n’ eil thu ’giarruidh iobairt, no bheirinn duit i; ach cha’n’eil thu gabhail tlachd ann an Ofraile loisgte. 17 Se ’n spiorad tuirseach iobairt Dhia; cridhe brist agus bruite, cha dean thusa tair air O Dhia. 18 O bi fabhorach agus grasmhor do Shion; tog suas ballachan Hierusaleim. 19 ’N sin bithidh tu toilichte le iobairt fhireantachd, le ofraile agus tabhartais loisgte; ’n sin tairgidh iad tairbh ogadh air t’altair. Salm lii. Quid gloriaris? THusa ain-tighearn, c’arson tha thu ri uaill asad fein; gu ’m bheil thu a’d’ urrain olc a dheanamh, 2 ’Nuair tha maitheas Dhe; buanacha fathast gach latha? 3 Tha do theanga a breunnacha aingeachd; agus le breugan ni thu gearradh mar le healtuin gheur. 4 Ghradhuich thu eas-ionracas ni smo na maitheas; agus a labhairt bhreug ni smo na ’n fhireantachd. 5 B’ionmhuin leat gach fhocal a labhairt a dheanadh cron O thusa theanga bhreugach. 6 Uime sin ni Dia do sgrios am feast; glacaidh e thu, agus spionaidh e thu as t’aite comhnuidh, agus bheir e do fhreamh a tir nam beo. 7 Chi am firean so fos, agus bithidh eagal air; agus ni e gaire fochaid ris. 8 Feuch, so an duine nach do ghabh Dia mar a neart; ach a dhearb a lionmhoireachd a bheartais, agus a neartaich e fein ann a aingeachd. 9 Air mo shonsa, tha mi mar chrann ola uaine ann an tigh [TD 343] Dhe: tha mo dhochas ann an caomh throcair Dhe a chaoidh nan cian. 10 Bheir mi buidheachas duit an comhnuidh airson an ni a rinn thu; agus cuiridh mi mo dhochas ann a’d’ ainm, oir ’s ro thaitneach le’d’ naoimh e. URNUIGH FHEASGAIR. Salm liii. Dixit insipiens. THUIRT an tamadan na chridhe: cha’ n’eil Dia ann. 2 Tha iad truaillidh, agus air fas uabhara nan aingeachd: cha’ n’eil a haon tha deanamh maith. 3 Sheall Dia ’nua s oneamha air chloinn nan daoine; dh’ fhaicin an robh neach ann a thuige, agus a dhiarradh an deidh Dhe. 4 Ach tha iad uile air dol a thaobh, tha iad gu leir air fas truaillidh; cha’ n’eil fos neach ri maith, cha’ n’eil a haon. 5 Nach ’eil iad gun cheil, tha deanamh aingeachd; ’g ithe suas mo shluaigh mar aran? cha do ghair iad air Dia. 6 Bha eagal orra san aite ann’s nach robh eagal; oir bhris Dia cnamhan an neach a chuir seisde riut; chuir thu iad gu hamhla, cheann gu ’n drinn Dia tair orra. 7 O, nach robh slainte air a thoirt do Israel a Sion; O nach fuasgladh an Tighearn a shluadh a brai’deanas! 8 ’N sin dheana Iacob gairdeachas; agus bhitheadh Israeil fior ait. Salm liv. Deus, in nomine. SAbhail mi, o Dhe, air sga tainme; agus diodhail mi ann a’d neart. 2 Cluinn m’urnuidh, O Dhe; agus eisd ri briathra mo bheoil. 3 Oir tha coigrich air eiridh am aghaidh; agus tha ain-tighearnan, aig nach ’eil Dia roimh an suile ag iarruidh an deidh m’anma. 4 Feuch, se Dia m’fhear cuidich; tha ’n Tighearna maille riusan tha cumail suas m’anma. 5 Iocaidh e olc do m’ naimhde; sgrios thusa iad a’d’ fhirinn. 6 Tabhartas cridhe saor bheir mi dhuit; agus molaidh mi t’ainm, O Thighearn. cheann gu bheil e cho sholasach. [TD 344] 7 Oir shaor e mi as mo thrioblaide gu leir; chunnaic mo shuil a miann air mo naimhde. Salm lv. Exaudi, Deus. O Dhe, eisd m’urnuidh, agus na foluich thu fein o m’iarrtas. 2 Thoir aire dhomh, agus cluinn mi; cia mar tha mi ri bron ann am urnuidh, agus air mo chradh. 3 Tha ann amhad ag eidheach mar sin, agus an tain-diaghaidh teachd air aghaidh cho grad; tha iad suidhichte cho mhierunach am aghaidh, ’s gu bheil rompa caileigin a dh’ olc a dheanamh orm. 4 Tha mo chridhe mi shuaimhneach ’n taobh stigh dhiom; agus thuit eagal a bhais orm. 5 Tha ogluichd agus ballchri’ air teachd orm; agus rinn uamhun gharbh mo shlugadh suas. 6 Agus thuirt mi, O nach raibh agam sgiathan mar cholman; oir an sin theichin air falbh, agus bhithin aig fois. 7 Feuch, ’n sin rachainn fad as; agus dh’fhanain san fhasach. 8 Dheanainn difir gu teiche; airson na gaoithe agus an doineann ghailleiche. 9 Sgrios an teangana, O Thighearna, agus sgoill o cheile iad; oir bheachduich mi eas-ionracas, agus stri sa chathair. 10 Tha iad dol m’un cuairt do bhallachan a latha sa dhoiche; tha olc fos agus bron ann a mheadhon. 11 Tha aingeachd a steach ann; cha’ n’eil ceilg agus feall a dol as a shraidean. 12 Oir cha namhaid fhollaiseach a thug an eas-onair so dhomh; oir na m b’e ghiulainin e. 13 Ni mo a b’e m’eas-caraid a rinn e fein a mhoracha am aghaidh; oir nam be theagamh gum foluichin mi fein uaithe. 14 Ach be thusa direach, mo chompanach; m’fhear-treoriche, agus mo charaid dilis fein, 15 Ghabh sin comhairle thaitneach le cheile; agus ghluais sinn an tigh Dhe mar chairdean. 16 Thigeadh am bas gu hoban orra, agus rachadh iad gu healamh sios a dh’ifrinn, oir tha aingeachd na ’n aite comhnuidh agus nam measg. 17 Air mo shonsa gairidh mi air Dia; agus teasairg ’n Tighearna mi. 18 Ni mi urnuidh mu fheasgar, sa mhaidin, agus mu [TD 345] mheadhon latha, agus sin gu bunailteach; agus cluinnidh e mo ghuth. 19 ’S eisin a shaor m’anam an sith o’n chomhrag a bha am aghaidh; oir bha moran leam. 20 Seadh, iodhoin Dia, tha buan gu siorruidh, cluinnidh e mi, agus bheir e sios iad: oir cha phill iad, agus cha bhi eagal De orra. 21 Leag e lamhan air a mhead sa tha ’n sith ris; agus bhris e a chumhnanta. 22 Bha briathra a bheoil ni ’s buige nan tim, ’s cogadh na chridhe; bha bhriathra ni bu tlathaidh na ola, agus gidheadh, b’ fhior chlaidhean iad. 23 O tilg t’eallach air an Tighearn, agus ni e t’altrum; agus cha ’n fhuiling e do’n fhirean tuiteam am feast. 24 Agus air an sonsa; bheir thusa, O Dhia, sios iad gu slochd na sgriosa. 25 Cha bhi na daoine iot-fhuileach agus cealgach beo leth an laithibh; gidheadh, bithidh m’earbsa anad, O Thighearn. URNUIGH MHAIDNE. Latha xi. Salm lvi Miserere mei, Deus. BI trocaireach dhomh, O Dhe, oir tha duine dol m’un cuairt gu’m shlugadh; tha e cogadh gach latha, agus a cuir trioblaid orm. 2 Tha mo naimhde gach latha seolta gu’m shlugadh suas; oir tha iad lionmhar ata ri cogadh am aghaidh, O thus a thi ’s ro airde. 3 Gidheadh, ged’ tha eagal orm air uairibh; fathast tha m’earbsa annad. 4 Molaidh mi Dia, airson fhocail; Dhearb mi an Dia, agus cha bith eagal orm ciod is urrain feoil a dheanamh dhomh. 5 Tha iad a gabhail m’ fhocail am mearachd; cha dielbh iad ni air bith ach cron a dheanamh dhomh. 6 Tha iad uile a cumail cuideachd, agus gan cumail fein gu [TD 346] dlu; agus a comhruchadh mo cheimeana, ’nuair tha iad re feall fheithe airson m’anama. 7 ’N d’ teid iad as airson an aingeachd; tilgidh tusa sios iad O Dhe, ann a’d’ dhiumadh. 8 Tha thu ’g aireamh mo sheachrana, cuir mo dheoir ann a’d’ leabhar? 9 C’uin air bith a ghaireas mi ort, ’n sin bithidh mo naimhde air an cuir gu teiche; so is aithne dhomh; oir tha Dia air mo thaobh. 10 Ann am focal De ni mi gairdeachas; agus ann am focal an Tighearne gabhuidh mi co fhurtachd’ 11 Seadh, chuir mi m’earbs ann an Dia; cha bhi eagal orm ciod is urrain duine dheanamh orm. 12 Dhuitse, O Dhia, iocaidh mi mo mhoidean; dhuitse bheir mi buidheachas. 13 Oir shaor thu m’anam o’ n bhas; agus mo chasan o thuiteam; chum gu ’n gluais mi am fia’nais De ann an solus nam beo. Salm lvii. Miserere mei. Deus. BI trocaireach dhomh, O Dhia, bi trocaireach dhomh, oir tha m’anam a ’g earbsa annad; agus fo sgaile do sgiatha bithidh mo thearmunn gus am bi an ain-tighearnas so thairis. 2 Gairidh mi ris an Dia ’s ro airde; iodhoin ris an Dia a choi’ lionas a chuis ata agam an laimh. 3 Cuiridh e o neamha; agus tearnuidh e mi o achdmhasan an fhir leis am b’aill m’ ithe suas. 4 Cuiridh Dia mach a throcair agus fhirinn; tha m’anam am measg leomhan. 5 Agus tha mi am laidhe iodhoin a’measg clann daoine, tha air an cuir nan teine; aig am bheil am siacla na ’n sleaghan ’s na ’n sai’dean, agus an teanga na chlaidhe geur. 6 Cuir suas thu fein, O Dhe, os cionn na neamha; agus do ghloir os cionn an talmhain uile. 7 Leag iad lion airson mo chas; agus shaltair iad sios m’anam; chladhaich iad slochd romham, agus tha iad fein air tuiteam an mheadhon. 8 Tha mo chridhe suichte, O Dhe, tha mo chridhe suichte; seinnidh mi, agus bheir mi moladh. 9 Mosgail mo ghloir, mosgail a chruit agus a chlarsach; mosglaidh mi fein gu fior mhoch. [TD 347] 10 Bheir mi buidheachas duit, O Thighearn, a measg an t’ sluaigh; agus seinnidh mi duit am measg nan cinneach. 11 Oir tha mead do throcair a ruidheachd na neamha; agus t’ fhirinn chum na neul. 12 Cuir suas thu fein, O Dhia, os cionn na neamha, agus do ghloir os cion ann talmhain uile. Salm lviii. Si vere utique. AM bheil ’ur nintinne suichte air fireantachd, O sibhs a cho-thionail; agus am bheil sibh toirt breith air an ni tha ceart, O fibhs a chloinn nan daoine? 2 Seadh, tha sibh a dealbh olc ann ’ur cridheachan air an talamh; agus tha ’ur lamhan ag oibreacha aingeachd. 3 Tha na hain-diaghidh daoirbh iodhoin o bhroinn am mathar; cho luath ’sa tha iad air am breith, theid iad air anradh, agus a labhairt bhreug. 4 Tha iad cho nimheil ri nimh nathrach, iodhoin mar an nathair nimh bhodhar tha druide a cluas; 5 Tha diulta eisteachd ri guth nan druithe; ge ’ta e ri druitheachd gu ro ghlic. 6 Bris am fiacla, O Dhe, ann am beul, buail cialaibh nan leomhan, O Thighearna; leaghaidh iad air falbh mar uisge tha ruith gu seamh, agus an uair a thilgeas iad an saighde, bitheadh iad air am spionadh amach. 7 Caitheadh iad as mar sheilcheig, agus bitheadh iad mar thoradh an-abuich mnatha; agus na faice iad a ghrian. 8 Mu’m bi ’ur pota air an deanamh teith le droinnibh; mar sin deanadh corruich a chradh, direach mar ni tha amh, 9 Ni m’firean gairdeachas’ nuair a chi e n dioghaltas; ionnlaididh e a chas-cheuma ann am fuil an ain-diaghaidh. 10 Ionas gu ’n abair duine, gu diemhin tha duais do’n fhirean; gun teagamh tha Dia ann a bheir breith air an talamh. URNUIGH FHEASCAIR. Salm lix. Eripe me de inimicis FUASGA L mi o’ m naimhde, O Dhe; dion mi uatha san; tha ’g eiridh suas am aghaidh. [TD 348] 2 O saor mi o luchd deanamh na haingeachd; agus saor mi o na daoine iot-fhuileach. 3 Oir feuch, tha iad a feall fheithe airson m’anama; tha na daoine treine air cruinneachadh a’m’ aghaidh gun cron na caoire air bith ann’amsa, O Thighearn. 4 Tha iad a ruidh agus ga’ nullucha fein gun mo chaoire; eirich thusa uime sin gu’m chuideacha, agus thoir fanear. 5 Seas suas, O Thighearna Dhia nan sluagh, thusa Dhe Israel, a dh’ fhiosrucha nan cinneach gu leir; agus na bi trocairich dhoibhsan ata ciontach o aingeachd mhioruinach. 6 Tha iad a dol air’n ais agus air’n aghaidh san fheasgar; tha iad ri tathunn mar mhada, agus a ruidh m’un cuairt feadh a bhaile. 7 Feuch, tha iad a labhairt le ’m beul, agus tha claidhean nam bilidh; oir co chluineas? 8 Ach bithidh iad mar cuis fhocaid agadsa O Thighearn, agus ni thu gaire fanaid ris na cinnich gu leir. 9 San a’ d’ chomaine tha mi airson mo neart; oir s’tu Dhe mo thearmunn. 10 Tha Dia a nochda dhomsa a mhaitheas gu pailt; agus leigidh Dia dhomh mo mhiann fhaicin air mo naimhde. 11 Na marbh iad ’n teagal gu ’n nichuimhnich mo phobul i; ach sgaoil am fad iad am measg an t’sluaigh, agus cuir sios iad, Q Thighearna ’ar didean. 12 Airson peaca am beoil, agus airson briathra am bilibh, bithidh iad air an glacadh nan ardan; agus c’ar son, tha an searmonacha air mallucha agus breugan. 13 Caith iad ann a’d’ chorruich, caith iad, chum gu ’n teid iad gu dith; agus gum bi fios aca gur e Dia tha riaghla an Iacob, agus gu criochaibh an domhain. 14 Agus pillidh iad mu fheasgar; a donnailich mar mhada, agus theid iad m’un cuairt do’n bhaile. 15 Ruithidh iad an so sa ’n fin air son bithe; agus bithidh iad ri talach mar faith iad an sath. 16 Air mo shonsa, seinnidh mi air do chumhachd, agus molaidh mi do throcair gu tra sa mhaduin; oir s’tu bu tearmunn agus didean domh ann an latha mo thrioblaid. 17 Dhuitse, O mo neart, ni mi ceol; oir s’tusa, O Dhe, mo thearmunn, agus mo Dhia trocaireach. [TD 349] Salm lx. Deus, repulisti nos. O DHE, thilg thu sinne mach, agus sgap thu sinn am fad; bha thu fos diumach, O pill rinne aris. 2 Chuir thu ’n tir air udull, agus sgaoil thu i; leighis a creuchda, oir tha i a critheacha. 3 Nochduidh thu nithe cudthromach do d pobul; thug thu dhuinn deoch do dh’ fhion marbhtach. 4 Thug thu comhradh air son a mheud ’s air am bheil t’ eagal: chum gu ’n dean iad buaidh chaiream air son na firinn. 5 Uime sin bha do mhuintir ionmhuin air an saoradh; cuiduich mi le d’ laimh dheis, agus cluinn mi. 6 Labhair Dia na naomhachd, ni mi gairdeachas agus roinnidh mi Sichem; agus toimhsidh mi mach gleann sucot. 7 ’S leam Gilead, agus ’s leam Manaseh; se Ephraim fos neart mo chinn, ’se Judah ’m fhear tabhairt lagha. 8 ’Se Moab mo phoit ionnlaid, thairis air Edom tilgidh mi mach mo brog; Philistia, bi thusa ait asamsa. 9 Co a threoricheas mi do ’n chaithair laidir; co bheir mi dhionnsuidh Edoim? 10 Nach do thilg thu amach sinn, O Dhe; nach teid thu O Dhe, amach le ar ’n armailte? 11 O bi thus a’d’ chobhair dhuinn ann an trioblaid; oir ’s diamhain cobhair duine. 12 Tre Dhia ni sinne gniomhara mor; oir ’s eisin shaltras sios ar naimhde. Salm lxi. Exaudi, Deus. CLUINN m’ eidheach, O Dhe; thoir eisteachd do m’ urnuigh. 2 O chriocha an talmhain gairidh mi ort; ’nuair tha mo chridhe ann an tuirse. 3 O cuir suas mi air a charaig is airde na mi fein; oir stu bu dochas agus turaid laidir domh an aghaidh an namhaid. 4 Gabhaidh mi comhnuidh ann a’d’ phaillain am feast; agus bithidh m’ earbsa fo dhubhar do sgiatha. 5 Oir chual thus, O Thighearn, m’ iarrtais; agus thug thu oighreachd dhoibh sud air am bheil eagal t’ainme. [TD 350] 6 Deonuichidh tu do’n Righ beatha fhada; gu mair a bhliadhna air feadh gach uile linne. 7 Gabhuidh e comhnuidh ’m fianis De gu brath; O umhluich do throcair agus t’ fhireantachd ghradhach, chum gu ’n tearuin iad e. 8 Mar sin bheir mi moladh do tainm a ghna; chum gu ’n coilion mi mo mhoidean gach latha. URNUIGH MHAIDNE. Latha xii. Salm lxii. Nonne Dea? THA m’ anam gu fireanach a feithe a ghna air Dia; oir san uaithe tha mo shlaint a teachd. 2 S’e gu deimhin mo neart agus mo shlainte; se mo dhidain, ionnas nach tuit mi gu mor. 3 Cia fad dhealbhas sibh olc an aghaidh na huile duine; bithidh sibh air ’ur marbhadh na huile h a on agaibh, seadh mar bhalla air chrith bithidh sibh, agus mar fhal bhriste. 4 Cha deilbh iad nith air bith, ach amhain cia mar tilg iad fios an neach a dharduicheas Dia; tha ’n tlachd ann am breugan, tha iad a toirt briathra matha le ’m beul, ach mallucha le ’n cridhe. 5 Gidheadh, m’ anam, feith thus a ghna ri Dia; oir tha mo dhochas ann. 6 ’S e gu fireanach mo neart agus mo shlainte; ’s e mo dhidean ionnas nach tuit mi. 7 ’Sann an Dia tha mo shlaint agus mo ghloir; caraig mo spionnadh, agus ann an Dia tha m’ earbsa. 8 O cuiridh ’ur ’n earbs ann a ghna, sibhse shluagh; doirtibh mach ’ur cridheacha na lathar, oir se Dia ar dochas. 9 Air son cloinn daoine, cha ’n ’eil iad ach na diamhanas; tha cloinn nan daoine mealtach air a mheidh tomhais, tha iad gu hiomlan ni s ea-truime na diamhanas fein. 10 O na hearbuidh an eacoir agus an reubain, na tugaibh sibh fein gu diamhanas, ma dh’fhasas beartas, na suichidh ’ur cridhe orra. [TD 351] 11 Labhair Dia aon uair, agus da uair chuala mi sin: gum buin cumhachd do’n Tighearn. 12 Agus gu m’ bheil thusa, a Thighearna, trocaireach; oir bheir thu duais do gach duine a reir a ghniomh. Salm lxiii. Deus, Deus meus. O Dhia, s’tu mo Dhia; iarraidh mi thu gu moch. 2 Tha iota air m’ anam air do shon, tha ’m fheoil fos a’ gabhail fadail asad; ann tir thirim fhas far nach ’eil uisge sam bith. 3 Mar so sheall mi air do shon ann an naomhachd; chum gum faicin do chumhachd agus do ghloir. 4 Oir ’s fearr do chaoimhneas gradhach na beatha fein; bheir mo bhile moladh dhuit. 5 Cho fhad sa ’s beo mi arduighe mi thu air an doidh so; agus togaidh mi suas mo lamhan ann a’d’ ainm. 6 Bithidh m’ anam air a shasacha mar gum b’ ann le smior agus le sail; ’n uair a mholas mo bheul thu le bilibh aoibhneach. 7 Nach do chuimhnich mi ort ann am leaba; agus nach do smuainich mi ort am dhuisg? 8 Cheann gu ’n robh thu t’ fhear cuidich dhomh; uime sin ni mi gairdeachas fo sgaile do sgiathan. 9 Tha m’ anam an crocha ort; chum do laimh dheas suas mi. 10 Iadsan fos tha ’g iarruidh dochun m’ anama; theid iad fo ’n talamh. 11 Tuiteadh iad air faobhar a chlaidhe; chum gu m bi iad nan cuibhrionn do na sionnucha. 12 Ach ni ’n righ gairdeachas ann Dia; bithidh iadsan fos a mhionnucheas leisin, air a moladh; oir bithidh beul na muin tir a labhras breugan air an druide. Salm lxiv. Exaudi, Deus. CLuinn mo ghuth, O Dhe, ann an urnuidh; tearuin m’ anam o eagal an namhaid. 2 Foluich mi o co-thional uabharaich; agus o ionnsuidh mhillteach nan aingidh. 3 A gheuruich an teanga mar chlaidh; agus a thilg amach an sai’de, iodhoin briathra searbh. [TD 352] 4 Chum gu ’n tilg iad an uaigneas air an neach tha cothrumach; buaillidh iad e gu grad, agus cha bhi eagal orra. 5 Tha iad a gabhail misnich san olc; agus a cainnt na measg fein, cia mar leagas iad lion, agus ag radh, nach fhaic duine air bith iad. 6 Tha iad a breunnach aingeachd, agus ga chleachda; an ni sin fholuiche iad eatorra fein, na huile dhuine an doimhne a chridh. 7 Ach tilgidh Dia gu grad orra le saithead luath; gu ’m bi iad air an lota. 8 Seadh, bheir an teanga fein orra tuiteam; ionnas gu ’n dean gach neach a chi iad, gaire fanaid riu. 9 Agus their na huile dhuine a chi iad, so a rinn Dia; oir tuigidh iad gur i so t’ obairse. 10 Ni m firean gairdeachas sanTighearna, agus cuiridh e earbsa ann; agus bithidh iadsa uile ait, aig am bheil cridhe fior. URNUIGH FHEASGAIR. Salm lxv. Te decet hymnus. THA thusa, O Dhe, air do mholadh an Sion; agus dhuitsa bithidh a mhoid air a coiliana ann an Hierusalem. 2 Thusa a chluinneas an urnuidh, a’ d’ ionnsuidh thig gach uile fheoil. 3 Tha mo mhi-gniomhara air faghail buaidh am aghaidh; O bi thusa trocaireach da ’r peacana. 4 ’Sbeannuicht’ an duine a thaghar leatsa, agus a ghabhas tu a t ionnsuidh; gabhaidh e comhnuidh a’d’ chuirt, agus bithidh e sasuichte le solaifibh do thighe, iodhoin do theampuil naomha. 5 Foillsichidh tu dhuinn nithe iongantach ann a’d’ fhireantachd, O Dhia ar slainte; ’s tu dochas uile chriocha an talmhain, agus na muintir tha comhnuidh ’sa chuan mhor. 6 N’ ti a dhaingneas na beannta le a neart; agus tha air a chriosra tiomchioll le cumhachd. 7 A chuireas na thost Onfha a chuain; agus farum a thonn, agus boille an ’t sluaigh. 8 Bithidh iadsa fos tha chomhnuidh ’an iomalaibh an talmhain, fo eagal le d’ chomhara; ’s tu tha toirt air dol amach ra maidne agus an fheasgair do mholadh. [TD 353] 9 Tha thu fiosreacha an talmhain, agus ga bheannucha; tha thu ga dheanamh ro phailt. 10 Tha abhuinn De lan uisge; tha thu ’g umhlucha an arbhair, oir mar sin tha thu deasucha air son an talmhain. 11 Tha thu ’g uisgeacha a heamairin, tha thu cuir frasachd ann a glinn bheaga; tha thu ga taiseacha le braona an uisge, agus a beannucha a toraidh. 12 Tha thu cruna na bliadhna le d’ mhaitheas; agus tha do neoil a sile reamhrachd. 13 Silidh iad air ionada comhnuidh ’n fhasaich; agus ni na cnoic bheaga gairdeachas air gach taobh. 14 Bithidh na mainnire lan chaorach; seasaidh na glinn fos cho tiudh le harbhar, ’s gu ’n dean iad gaire agus ceol. Salm lxvi. Jubilate Deo O Bithidh aoibhneach ann an Dia a dhuchana uile; seinnibh moladh do onair ainm sin, thugaibh air a mhola a bhi glormhor. 2 Abraidh ri Dia, O cia iongantach thu ann a’d’ oibre; tre mhead do chumhachd gheibhear do naimhde na ’m breugaire dhuit. 3 Oir ni ’n saoghal gu leir aodhradh dhuit; ni e ceol duit, agus molaidh e tainm. 4 O thigibh ’n so agus faicibh oibre Dhe; cia iongantach a tha e na dheanadas do chlann nan daoine! 5 Thionda e ’n cuan gu talamh tirim; gus an deach iad tre ’n uisge air an cois, ’n sin rinn sinne gairdeachas uime siu. 6 Tha e riaghlacha’ le chumhachd gu siorruidh. tha shuilean a faicin an tsluaigh; agus cha ’nurra a mhead s nach creid, iad fein arducha. 7 O molaibh ar Dia, sibhs a shluagh; agus thugaibh air guth a mholadh a bhi ghlormhor. 8 ’N ti tha cumail ar n’anma ann am beatha; s nach ’eil a ceaducha’ do’r casan sleamhnu ha. 9 Oir dhearbh thusa sinn, O Dhe,; dhearbh thu fos sinn, mar dhearbhar airgid. 10 Thug thu sinne san ribe; agus leag thu trioblaid air ar leasraidh. 11 Cheaduich thu do dhaoine marcach thair ar cinn; chaidh sinn tre theinne agus uisge, agus thug thu mach sinn gu aite saibhir. [TD 354] 12 Theid mi dh’ ionnsuidh do thighe le tabhartais loisg t; agus iocaidh mi dhuit mo mhoidean, a gheall mi le ’m bhile, s a labhair mi le ’m bheul, nuair bha mi ’n trioblaid. 13 Tairgidh mi dhuit iobairt loisgte reamhar, le tuis reitheachan; tairgidh mi tairbh agus gabhair. 14 O thigibh ann so, agus eisdibh, sibhse uile air am bheil eagal De; agus innsidh mi dhuibh ciod a rinn e air son m’ anam. 15 Ghair mi air le’m bheul; agus thug mi moladh dha le m theangaidh. 16 Ma dhaomas mi gu haingeachd le m’ chridhe; cha cluinn an Tighearna mi. 17 Ach chuala Dia mi; agus thug e fanear guth m’ urnuidh. 18 Moladh do Dhia, nach do thilg amach m’urnuidh; s nach do thonda throcair uam. Salm lxvii. Deus misereatur. GU rabh Dhia bi trocaireach dhuinn, agus gu’n beannuich e sinn; agus gu’n taisbeineadh e dhuinn solus e ghnuise, agus gu’n deanadh e trocair oirn. 2 Chum gu ’m bi do shlighe aithnichte air an thalamh; do shlainte sholasach a measg nan uile chinneach. 3 Moladh an pobul thu, O Dhe; seadh, moladh an pobul uile thu. 4 O deana na cinnich gairdeachas agus bithidh iad ait; oir bheir thu breith air an tsluagh gu ceart, agus riaghlaidh tu na cinnich air thalamh. 5 Moladh an pobul thu, O Dhe; moladh an pobul uile thu. 6 ’N sin bheir an talamh mach a toradh; agus bheir Dia, iodhoin ar Diane dhuinn a bheannucha. 7 Beannuchidh Dia sinn; agus bithidh eagul san air criochaibh an t saoghail uile. [TD 355] URNUIGH MHAIDNE. Latha xiii. Salm lxviii. Exurgat Deus. EIreadh Dia, agus bithe a naimhde air an sgapa; teiche iadsan fos roimh, a tha toirt fuath dha. 2 Mar a sgaoileas an ceo, mar sin ni thu ’n iomain air falbh; agus mar a leaghas ceir ris an teine, mar sin theid an taindiaghaidh gu di am fianais Dhia. 3 Ach bith am firean ait, agus deana e gairdeachas an lathair Dhia; bithe iad fos subhach agus aoibhneach. 4 O sinnibh do Dhia, agus sinnibh mola d’a ainm; arduichidh eisin tha marcach air na flaitheas, mar gum b’ann air each; molaidh e na ainm IAH, agus deanadh gairdeachas na lathair. 5 ’S athair e do ’n dileachdan, agus tha e diona’ cuis na bantraich; iodhoin Dia na ionad comhnuidh naomha 6 ’Se an Dia bheir air daoine bhi dh’aon intinn ann an tigh, agus a bheir na priosanaich a sas; ach a leagas leis a mhuintir luainach fuirich ann an gainne. 7 O Dhe, ’nuair chaidh thu mach roimh an tsluadh; nuair chaidh thu tre an fhasaich. 8 Chrithich an talamh, agus thuit na neamha aig fia’nais Dhia; iodhoin mar ghluais Sinai ag fiadhnais De, ’n ti ’s e Dia Israeil. 9 Chuir thusa, O Dhe, uisge grasmhor air t’oighreachd fein; agus dha thuruich thu i ’nuair a bha i sgith. 10 Gabhaidh do cho thional comhnuidh innte; oir dh’ umhluich thusa a’d’ mhaitheas, O Dhe air son nam bochd. 11 Thug an Tighearn am focal; ’s bu mhor cuideachd nan searmainiche. 12 Theich righre le ’n armailte, agus mhille iad; agus roinn muintir an teaghluich a chreach. 13 Ge d’ laidh sibh a measg na m pota, gidheadh bithidh sibh mar sgiathan a chalmain; tha air sgeudaichadh le sgiathan airgid, agus a hitean mar or. 14 ’Nuair a sgap an tuile chumhachdach righre air an sga; n sin bha iad cho geal ri sneachd air salmon. [TD 356] 15 Mar thulaich Bhasan, mar sin tha tulaich Dhe; iodhain tulaich arda, mar thulaich Bhasan. 16 C’arson a chlisgis sibhse a thulaich arda? si so tulaich Dhe ann s’na thoilich e comhnuidh ghabhail; seadh, comhnuichidh ’n Tighearn innte gu siorruidh. 17 Tha carbaid Dhe nam fichiod mile, iodhoin mile a dh’aingle; agus tha ’n Tighearna nam measg, mar an ionad naomha Shinai. 18 Chaidh thu suas gu harda, thug thu bruid am braighdeanas, agus fhuair thu tiolaca do dhaoine; seadh, iodhoin do d’ naimhde, chum gu ’n gabhadh an Tighearna Dia comhnuidh na measg. 19 Gu ’n robh Dia air a mhola’ gach latha; iodhoin an Dia a ni cobhair oirne, agus tha dorta’ a shochaire oirn. 20 Se ar Dia, iodhoin an Dia o m bheil slainte a teachd; se Dia an Tighearna, leis an teid sinn as on bhas. 21 Lotaidh Dia ceann a naimhde; agus claigin greanach an neach tha dol air aghaidh a ghna na aingeachd. 22 Thuirt an Tighearn, bheir mi mo pobul air ais, mar a rinn mi o Bhasan; bheir mi air ais mo mhuintir fein, mar a rinn mi uaireigin o dhoimhne na fairgc. 23 Gu ’m bi do chas air a tuma ann am fuil do naimhde; agus gum bi teanga do mhadraidh dearg leis an ni cheudna. 24 Smath a chithear, O Dhe, cia mar shiubhlas thu; cia mar shiubhlas tu mo Dhia agus mo Righ ann san t sanctuari. 25 Theid luchd seinn air thoiseach bithidh luchd inneail ciuil gan leantainn; na measg tha na maighdeana a’ cluich air Tabuir. 26 Thoir buidheachas, O Israeil, do Dhia an Tighearna ann sna co-thionail; o bun a chridhe. 27 Tha Benjamin beag na uachdran doibh ann, agus prionsacha Juda an comhairle; prionsacha Shabuluin, agus prionsacha Naphthali. 28 Chuir do Dhia mach neart dhuit; daingnich an ni, O Dhe, a dhoibrich thu anuinne. 29 Air sga do theampuill aig Hierusalem; mar fin bheir righre tiolaca a’d’ ionnsuidh. 30 ’Nuair tha buidhean nan fhear-sleagh agus mor cuideachd nan cumhachdach air an sgapa am fad am measg ainmhidhean an pobul, ionas gun ’n toir iad leo bainn airgid; agus ’nuair a sgapas e an mhuintir tha gabhail tlachd an cogadh. [TD 357] 31 ’N sin thig na prionsacha mach as an Eiphte; sinidh tir na Ethiopia a lamhan amach gu luath ri Dia. 32 Seinnibh do Dhia, O sibhse a righeachda na talmhain; O seinnibh mholadh do’n Tighearna. 23 Tha suidhe air neamh os cionn nan uile O thoiseach; feuch, tha e cuir amach a ghuth, seadh, agus sin guth trein. 33 Thugaibh fibhse an cumhachd do Dhia thair Israeil; tha aodhradh agus a neart ann sna neoil. 35 O Dhia, ’s iongantach thu ann a’d’ ionada naomha; iodhoin Dia Israeil; bheir e neart agus treise da phobul; beannuichte gu’n robh Dia. URNUIDH FHEASGAIR. Salm lxix. Salvum me fac. TEasairg mi, O Dhia; oir tha na huisgeacha air teachd a stigh, iodhoin gu m’anam. 2 Tha mi ’n sas gu teann san lathaich dhomhain ann nach eil iochdar; tha mi air teachd sna huifgeacha domhain, ionas gu bheil na tuilte a ruidh tharum. 3 Tha mi sgith ag eidheach, tha mo sgornach tirim; tha mo fh’radharc air m’ fhailniche le feithe cho fhada air mo Dia. 4 Tha iadsan tha toirt fuath dhomh gun aobhar na ’s lionmhaire na falt mo chinn; tha iadsin tha na naimhde, agus le’r b’aill mo sgrios gun choire, cumhachdach. 5 Dhioc mi dhoibh na nithe nach d’ fhuair mi riamh; a Dhe ’saithne dhuitse mo m’aimeadachd, agus cha’ ’n eil mo chionta foluicht ort. 6 Na bitheadh iadsan thu ’g earbs annad, O Thighearn Dhia nan sluagh, air an nairucha air mo sgasa; na bitheadh iad sud tha gad iarruidh fo amhla as mo leithse, O Thighearna Dhia Israeil 7 Agus c’arson? air do shonsa dh’ fhuiling mi achdmhasan; dh’ fholuich naire mo ghnuis. 8 Tha mi mar choigrich dom bhraithre; iodhoin mar choimheach do chlann mo mhathar. 9 Oir tha eud do thigh iodhoin air m’ith; agus tha masladh na muintir thug masladh duitse, air tuiteam orm. 10 Ghuil agus smachduich mi mi fein le trosga; agus caochladh sin gu ’m chronucha. [TD 358] 11 Chuir mi fos umam eudach saic; agus rinn iad sgeig orm. 12 Tha iadsan tha suidhe s’a gheata a labhairt am aghaidh; gus na misgeara a deanamh orain orm. 13 Ach, a Thighearna, tha mi ’g urnuidh riutsa; ann an am taitneach. 14 Cluinn mi, O Dhe, ann an lionmhoireach do throcair; iodhoin ann am fireantachd do shlainte. 15 Thoir as an lathaich mi, nach teid mi fodha; O bitheam air m’ fhuasgla o’n mhuintir tha toirt fuath dhomh, agus as na huisgeacha domhuin. 16 Na bathadh an tuil uisge mi, ni mo shluigeas an doimhne suas mi; agus na druide an slochd a bheul orm. 17 Cluinn mi, O Thighearna, oir is solasach do chaoimhneas gradhach; pill thusa rium, a reir lionmhoireachd do throcaire 18 Agus na foluich taghaidh o’d’ sheirbheiseach, oir tha mi an trioblaid; O deansa difir, agus cluinn mi. 19 Tarruing am fogus do’m’ anam, agus tearuin e; o saor mi, airson mo naimhde. 20 B’aithne dhuit m’ achdmhasan, mo naire agus m’easonair; tha m’eas-cairde gu leir a’d’ shealla. 21 Bhris do smachd mo chridhe, tha mi lan tuirse; sheall mi airson cuideigin a dheana iochd rium, ach cha robh duine air bith, ni mo fhuair mi neach a bheire’ solas domh. 22 Thug iad dhomh domblas ri ithe; agus ’nuair bha iota orm, thug iad fion geur dhomh ri ol. 23 Bithe am bord air a dheanamh na ribe gu iad fein a ghlacadh; agus bithe na nithe, bu choir a bhi na shaibhreas doibh, na aobhar tuiteam. 24 Bithe an suile air an dalla chum nach fhaic iad; agus a chaoidh crom thusa sios an druim. 25 Doirt amach do chorruich orra; agus deana’ do dhiuma feargach greim orra. 26 Bithe an aitridh falamh; agus gun duine gu comhnucha nam paillaine. 27 Oir tha iad a ruaga’ an neach a bhuail thusa; agus tha iad a cainnt cia mar a chuireas iad doighleas ora sud a lot thusa. 28 Tuite iad o aon aingeachd gu aingeachd eile; agus na tige iad gu t’ fhireantachdsa. 29 Bithe iad air an sgriosadh amach a leabhar nam beo; agus na bithe iad sgriobhte a measg nam firean. [TD 359] 30 Air mo shonsa, ’nuair tha mi bochd agus ann an tuirse; ni do chomhnadh, O Dhe mo thogail suas. 31 Molaidh mi ainm Dhe le h’oran; agus arduchaidh mi e le breith bhuidheachas. 32 Toilichidh so fos an Tighearna; ni ’s fearr na tarbh aig am bheil aoircean agus laoghran. 33 Beachduichidh an t iriosal air so, agus bithidh e ait; iarradh sibhse ’n deidh Dhia, agus bithidh ’ur n’anma beo. 34 Oir cluinnidh ’n Tighearna am bochd; agus cha dean e tair air na priosanaich 35 Moladh neamh agus talamh e; ’n cuan ’s gach ni ghluaiseas innte. 36 Oir tearnuidh Dia Sion, agus togaidh e bailte Juda; chum gu ’n gabh daoine comhnuidh ’n sin, agus gu’ m bi seilbh aca ann. 37 Sealbhachidh fos sliochd a sheirbheisiche air; agus gabhaidh iadsan, leis an ionmhuin a ainm, comhnuidh ann Salm lxx. Deus, in adjuditorium. DEan difir, O Dhia, gu mise a shaoradh; dean cabhag gu m chobhair, O Thighearn. 2 Bithe iad fo nair agus amhla, tha g iarruidh n deidh m’anama; bithe iad air an am pille air ais agus air an cuir gu rudha gruaidh, tha miannacha olc dhomh. 3 Mar dhuais doibh bithe iad gu luath air an toirt gu naire; tha g eidheach tharum, ’n sin! ’n sin! 4 Ach bithe iadsan uile tha g’ad iarruidhse, ait agus aoibhneach annad; agus a mheud ’s le ’n toil do shlainte, abradh iad an comhnuidh, gu ’n robh ’n Tighearn air a mholadh. 5 Air mo shonsa, tha mi bochd, agus ann an truaighe; deansa cabhag thugam O Dhe. 6 S’tu m’ fhear-cuidich agus m’ fhear saoruidh; O Thighearn, na dean maill fhada. [TD 360] URNUIGH MHAIDNE. Latha xiv. Salm lxxi. In te, Domine,speravi. ANnadsa, O Thighearn, chuir mi mo dhochas, na bitheam am feast air mo chuir gu nair, ach fuasgail mi, agus saor mi ann a’d’ fhireantach; aom do chluas am ionnsuidh, agus sabhail mi. 2 Bi thus a’d’ dhaingnich laidir dhomh, a dhionnsidh ’n tathuich mi a ghna; gheall thu mo chuideacha, oir s’tu mo thigh tearnuidh, agus mo chaisteal. 3 Saor mi, O mo Dhia, a laimh an ain diaghaidh; a laimh an duine fhuilich agus ea-coraich. 4 Oir s’tusa, O Thighearn Dhia, a ni as am bheil mise gabhail fadail; stu mo dhochas, iodhoin o m’oige. 5 Tridse bha mise air mo chumail suas riamh on’a rugadh mi; s’tus an ti thug amach a broinn mo mhathar mi, bithidh mo mhola’ a ghna’ ort. 6 Tha mi air fas mar gum b’ann am uabhas do mhoran; ach tha mo dhuil chinnteach annadsa. 7 O bithe mo bheul air a leanadh le d’ mhola’; chum gu ’n seinn mi air do ghloir agus t’onair re fad an latha. 8 Na tilg air falbh mi ann am sheanaois; na treig mi ’nuair a dh’ fhailnicheas mo neart mi. 9 Oir tha mo naimhde a labhairt am aghaigh, agus tha iadsan tha feall fheithe airson m’anama, a cuir comhairle ri cheile, ag ra; threig Dia e, ruagaibh e, agus glacaibh e; oir cha’ n’eil neach g’ a shaoradh. 10 Na imich fada uam, O Dhia; mo Dhia, deansa cabhag gu m chuideacha. 11 Bithe iad air an claoidh ’s air an leir sgrios, a tha ’n aghaidh m’anama; bithe iadsan air am comhdaicheadh le nair agus easonair tha ’g iarruidh cron a dheanamh dhomh. 12 Air mo shonsa, feithidh mi gu foi’dneach a ghna; agus molaidh mi thu ni ’smo agus ni ’smo. [TD 361] 13 Labharaidh mo bheul gach latha air t’fhireantachd agus do shlainte; oir cha ’n aithne dhomh crioch air. 14 Theid mi mach ann an neart an Tighearna Dia; agus ni mi luadh air t’ fhireantachd amhain. 15 Theagaisg thu mi, O Dhe, o m’oige suas gus an nis; uime sin aithrisidh mi t’oibre iongantach. 16 Na treig mi, O Dhia, ann am shean aois, ’nuair tha mo cheann liath; gus am foillsich mi do neart do’n linn so, agus do chumhachd dhoibhsan uile tha fathast ri teachd. 17 Tha t’fhireantachd, O Dhe, ro arda; agus s’mor na nithe ud a rinn thu; O Dhe, co tha cosmhuil riut? 18 O ciod na thrioblaide mor agus na teanndaiche a dh’ fhoillsich thu dhomh! agus gidheadh phill thu agus an dhath-uraich thu mi; seadh, agus thug thu mi o dhoimhneachd an talmhain aris. 19 Thug thu mi gu onair mhor; agus thug thu solas dhomh air gach taobh. 20 Uime sin moladh mi thus agus t’fhireantachd O Dhe, a cluich air inneal ciuil; dhuitse ni mi ceol air a chlarsaich, O thus aon naomh Israeil. 21 Bithidh mo bhile togarach ’nuair a sheinneas mi dhiut; agus mar sin bithidh m’anam a shaor thusa. 22 Labhraidh mo theanga’ fos air t’fhireantachd re an latha, oir tha iadsan air an claoidh agus air an toirt gu naire tha ’g iarruidh cron a dheanamh dhomh. Salm lxxii. Deus, judicium. THoir do bhreitheanais do’n righ, O Dhe; agus t’fhireartachd do mhac an righ. 2 ’N sin bheir e breith air do pobul a reir ceartais; agus ni e dion do’n bhochd. 3 Bheir na beannta’ fos sithchaimh; agus na tulaich bheaga fireantachd do’n pobul. 4 Cumaidh e an coir ris a mhuintir shimplidh; dionaidh e clainn nam bochd, agus ni e peannas air luchd deanamh na hea-corach. 5 Bithidh teagal orra cho fhad sa mhaireas grian agus gealach; O linn gu linn. 6 Thig e sios mar fras ann an rusga’ olladh; iodhoin mar na braona a dhuisgicheas an talamh. 7 Re a linn sin soirbhichidh am firean; seadh, agus mor phailteas sithchaimh, co fhad sa mhaireas a ghealach. [TD 362] 8 Bithidh a uachdranachd o chuan gu cuan; agus o’n tuil gu crich an tsaoghail. 9 Lubaidh mhuintir tha chomhnuidh san fhasach an glun na lathair; imlichidh a naimhde an duslach. 10 Bheir righre Tharsis agus nan eileain tiodhlaca seachad; bheir Righre Arabia agus Shaba tabhartas seachad. 11 Tuitidh gach uile righ na lathair; ni gach cinneach seirbheis d’a. 12 Oir saoraidh e m bochd ’nuair a ghlaodhas e; am feumach fos, agus an neach aig nach ’eil fear-cuidich. 13 Bithidh e fabhorach do’n tsimplidh agus do’n fheumach; agus tearnuidh e anma nam bochd. 14 Saoraidh e n’anma o bhreig ’s o mhearachd; agus bithidh am fuil ionmhuin na shealla. 15 Bithidh e beo’, agus bheirear dha do dh’ or Arabia; bithidh urnuidh a ghna air a deanamh ris, agus bithidh e air a mholadh gach latha. 16 Bithidh dún coirce san talamh, arda air na cnoic, crathaidh a thoradh mar Lebanus, agus bithidh e uaine sa bhaile mar fheur air an talamh. 17 Mairaidh ainm am feast, buanaichidh ainm fo ’n ghrein a measg na ’n sliochda; a bhitheas air am beannucha tridsin, agus bheir na cinnich uile mola’ dha. 18 Beannuichte gu ’n robh an Tighearn Dia, iodhoin Dia Israeil; tha amhain deanamh nithe iongantach; 19 Agus beannuichte gu ’n robh ainm a mhorachd am feast; agus bithidh ’n talamh uile air a lionadh le mhorachd. Amen, Amen. URNUIGH FHEASGAIR. Salm lxxiii. Quam bonus Israeil. GU fireanach tha Dia gradhach do Israeil; iodhoin do mheud ’s aig em bheil cridhe glan. 2 Gidheadh, cha mhor nach d’aom mo chasan uam, agus cha mor nach do shleamhnach mo cheuma. 3 Agus c’arson? bha doighleas orm ris an aingidh; tha ’mi faicin fos an tain-diaghaidh ann a leithid a shoirbheacha. 4 Oir cha’ n’eil iad ann an cunnart bais; ach tha iad sultmhar agus laidir. [TD 363] 5 Cha’ n’eil iad a teachd ann an aimhleas mar mhuintir eile; ni mo tha iad air an trioblaideacha mar dhaoin’ eile. 6 Agus se so an t’aobhar gum bheil iad air an lionadh le hardan; agus air am cuairtucha le ain-iochd. 7 Tha ’n suile ag ata le saill; agus tha iad a deanamh direach an ni tha iad a meanucha. 8 Tha iad a truaille chaich, agus a labhairt mu thoibheum aingidh; tha ’m bruidhinn an aghaidh ’n ti ’s airde. 9 Oir tha iad a sineadh amach am beoil ri neamha; agus tha ’n teanga dol trid an tsaoghal 10 Uime sin tha ’n Pobul a tuiteam da ’n ionnsuidh; agus s’mor an tairbh tha iad a tarruing uaithe sin. 11 Ha! ha! deir iad, cia mar thuigeas Dia e; ’m bheil eolas san ti is airde? 12 Feuch, ’s iad sin na haindiaghaidh, tha iad a soirbhicheadh san tsaoghal, agus tha beartas aca ann an sealbh; agus thubhairt mi, ’n sin ghlan mi mo chridhe gu diamhain, agus nidh mi mo Lamhan an neo’chiontas. 13 Chaidh peannas a dheanamh orm re an latha; agus chaidh mo smachducha gach maduin. 14 Seadh, agus cha mhor nach labhair mi mar iad fein; ach feuch, ’n sin dhitinn linne do chlainne. 15 ’N sin smuainich mi so a thuigsin; ach bha e tuile ’s cruaidh dhomh. 16 Gus an deach mo do shanctuare Dhe; ’n sin thuig mi crioch nan daoine sin. 17 Gu sonruighte, cia mar tha thusa gan suicheadh an aiteacha sleamhain, agus ga ’n tilge sios, agus gan sgrios. 18 O cia grad a tha iad a caithe; a dol gu dith, agus a teachd gu crich eagalaich! 19 Seadh, iadhoin mar bhruadar ’nuair a dhuisgeas neach; mar fin bheir thu air an iomha’ teireachduin as a baile. 20 Mar so bha mo chridhe fo dhoilgheas; agus chaidh e iodhoin tre m’airne. 21 Cho amaideach, agus cho ain-eolach bha mi; iodhoin mar ainmhidh a’d’ lathair. 22 Gidheadh, tha mi ghna laimh riut; oir chum thu mi air mo laimh dheis. 23 Stiuiridh tu mi led choimhairle; agus an deidh sin gabhaidh tu mi chum gloir. 24 Co th’ agam sna neamha ach thusa; ’s cha’ n’eil neach air thalamh tha mi’ g’iarruidh ’n coimeas riut. [TD 364] 25 Tha ’m fheoil, agus mo chridhe a failnicheadh; ach se Dia neart mo chridhe, agus mo chuibhroin gu brath. 26 Oir Feuch, theid iadsan a sgrios a ni dichuimhne ort; sgrios thu iadsan uile a rinn striopachas a’d’ aghaidh. 27 Ach ’smaith dhomhsa mi fein a chumail gu teann ri Dia, m’earbsa a chuir san Tighearna Dia, agus gu labhairt air tuile oibre ann an geatacha nighean Shioin. Salm lxxiv. Ut quid, Deus? O Dhia, c’arson tha thu cho fhad air astar uain; c’arson tha t’fhearg cho teith an aghaidh caoirich t’ionaltraidh? 2 O smuainich air do chothional; a rinn thu cheannaich, agus a shaoradh O shean. 3 Smuainich air treabh t’oighreachd; agus beinn Shioin, ann sna ghabh thu comhnuidh. 4 Tog suas do chasan, chum gun sgrios thu gu tur na huile namhad; a rinn olc ann ad shanctuari. 5 Tha teas-cairde a beucaich ann am meadhon do chothionail; agus a cuir suas am brataichean mar chomharaibh. 6 An neach a shnaith fiodh roimh as na craobhan tuidh; bha fhios gu tug e e gu obair oirdhearc. 7 Ach anis tha iad a brise sios aoibre Shnaite gu leir; le tuadhan agus uird. 8 Chuir iad teine air t’ionada naomha; agus thruaill iad ionad comhnuidh t’ainme, iodhoin chum an talmhain. 9 Seadh, thuirt iad nan cridheacha; deanamaid milleadh orra gu hiomlan; mar sin loisg iad tighean Dhe uile san tir. 10 Cha’ n’eil sinn a faicin ar comhara, cha’ n’eil faidhe tuile ann; cha’ n’eil, a haon nar measg, a thuigeas ni smo. 11 O Dhia, cia fad an ni an t’eas-cairaid an easonair so; cia fhad a ni an namhad masladh air tainm, an ann am feast? 12 C’arson a tha thu tarruing do laimh air ais; c’arson nach ’eil thu turruing do lamh dheas as do bhroileach a chuir as do ’n namhad? 13 Oir se Dia mo righ o shean, an chobhair tha deanteadh air thalamh, ni e fein e. 14 Sgoilt thu ’n cuan led’ chumhachd; brisidh tu cinn nan dragoin sna huisgeacha. 15 Bhuail thu cinn an Leviatain nan bloide; agus thug thu e na bhiadh do ’n t’sluagh san fhasach. [TD 365] 16 Thug thu mach tobair, agus uisgeacha as na creuga cruaidh; thirmich thu uisgeacha mora. 17 ’Sleat an latha, agus ’s leat an oiche; dh’uluich thu an solus agus a ghrian. 18 Shuithich thu uile chriocha an talmhain; rinn thu samhra’ agus geamhra. 19 Cuinich so, O Thighearna, cia mar a chronuich an namhaid; agus cia mar a rinn a mhuintir amaideach oi-bheum air t’ ainm. 20 O na toir thairis anam do chalmain do leanmhoireachd na naimhde; agus na di-chuimhnich co’thional nam bochd gu brath. 21 Seall air a chumhnanta; oir tha ’n talamh uile lan dorchadas, agus ionada comhnuidh fuileach. 22 O na racha an simpli’ air falbh fo naire; ach thugadh am bochd agus an tainiseach mola’ do tainm. 23 Eirich, O Thighearn, tagair do chuis fein; cuimhnich cia mar tha an tamadan toirt buim dhuit gach latha. 24 Na dean dearmad air guth do naimhde, tha danadas na muintir tha toirt fuath dhuit, a meuducha a ghna ni smo ’s ni s’ mo. URNUIGH MHAIDNE. Latha xv. Salm lxxv. Confitebimur tibi. DHuitse, O Dhe, bheir sinn buidheachas; seadh, dhuitse bheir sinn buidheachas. 2 Tha t’ainm fos cho fogus; agus an ni sin tha toibre iongantach a cuir an ceill. 3 ’Nuair gheibh mi ’n co-thional; bheir mi breith a reir ceartais. 4 Tha ’n talamh lag; agus a luchd aiteacha uile; tha mise giulan suas a phosta. 5 Thuirt mi ris na hamadain, na gluasidh sibh cha chuthaich; agus ris na hain-diaghidh, na cuiribh suas ’ur ’n adharc. [TD 366] 6 Na cuiribh suas ’ur ’n adharc gu harda; agus na labhraidh le muineal rag. 7 Oir cha ’n ’eil onair a teachd aon chuid o ’n aird an ear, no o ’n aird an iar; no idir o’n airde deas 8 Agus c’arson? se Dia am breith; cuiridh e sios a haon, agus cuiridh e suas aon eile. 9 Oir ann an laimh an Tighearn tha cupan, agus tha m fion ann dearg; tha e lan mhaisgte, agus dortadh e mach as. 10 Air son a dheasgnan; oluidh uile dhaoin ain-diaghidh an talmhain iad, agus ni iad an deothol. 11 Ach labhraidh mise air Dia Jacob, agus molaidh mi e am feast. 12 Brisidh mi fos uile adhairce an aindiaghaidh; agus bithidh adhaircean an fhirean air an arducha. Salm lxxvi. Notus in Judæa. S’AN Iudhachd tha Dia aithnichte; tha ainm mor ann an Israeil. 2 Tha a phaillain aig Salem; agus a chomhnuidh an Sion. 3 ’N sin brisidh e sai’dean a bhodha, an sgiath; an claidhe agus am comhrag. 4 Tha thu ni ’s mo onair agus treise; na cnoic an luchd reubain. 5 Tha ’n tuaibharach air a chreacha, chaidil iad an cadul; agus cha d’ fhuair na huile duine aig an robh na lamhan trein, a bheag sam bith. 6 Le t achdmhasan O Dhe Jacob, tha ’n Carbad agus an t’ each mar aon air tuiteam. 7 Tha thusa, iodhoin thusa a’d’ chuis eaguil; agus co dh’ fheudas seasamh ann a’d’ shealla nuair a bhitheas fearg ort? 8 Thug thu fanear gu ’n cualas do bhreitheanas o neamha; bha an talamh air bhallachrith, agus bha e tostach. 9 ’Nuair a dheirich Dia chum breitheanais; agus a dheanamh cobhair air gach neach ciuin air thalamh. 10 Pillidh corruich duinne gu d’ mholadh; agus ni thusa am fheirg a chosg. 11 Geallaibh do ’n Tighearna ’ur Dia, agus coi’ lionaibh e, sibhs uile ata m’an cuairt da; thugaibh tiodhlaca dhasan ga’n dlidhear eagal. 12 Caisgidh e spiorad phrionsachan; agus tha e iongantach a measg righre na talmhain. [TD 367] Salm lxxvii. Voce mea ad Dominum. GLaodhaidh mi ris an Tighearna le m’ ghuth; iodhoin ri Dia glaodhaidh mi le m’ ghuth, agus eistidh e rium. 2 Ann an am mo thrioblaid dhiarr mi ’n Tighearn; ruidh mo chreuchd agus cha do sguir e an am na hoiche; dhiult m’ anam solas. 3 ’Nuair tha mi ’n tuirse, smuainichidh mi air Dia; ’nuair tha mo chridhe fo dhoighleas, ni mi gearan. 4 Cumaidh tu mo shuile nam faireach; tha mi cho fhann snach urra mi labhairt. 5 Chuinnich mi na laithe o shean, agus na bliadhna chaidh seachad. 6 Dh’ ath-cuimhnich mi m’ oran; agus san oiche tha mi comhra ri m chridhe fein, agus a rannsucha mach mo spiorada. 7 Am fuireach an Tighearn air falbh am feast; snach bi e ni smo air asleacha? 8 ’M bheil a throcair air falbh gu hiomlan am feast; agus am bheil a ghealla air teachd gu crich a chaoidh. 9 ’N dhichuinich Dia bhi grasmhor; agus an druid e suas a chaoimhneas graidhach na dhiuma? 10 Agus thuirt mi, se m’anuineachd fein a th’ ann; ach cuimhnichidh mi air bliadhnachan lamh dheis an ti ’s ro airde. 11 Cuimhnichidh mi oibre an Tighearna; meodruighe mi t iongantais san am o shean. 12 Smuainichidh mi fos air toibre gu leir; agus bithidh mo bhriathra air do dheanadais. 13 Tha do shlidhe, O Dhe, naomha; co tha na Dhia cho mor, ri ar Diane? 14 Stu ’n Dia tha deanamh iongantais: agus chuir thu ’n ceill do chumhachd a measg an pobul, 15 Shaor thu do pobul le d’ cumhachd; iodhoin mic Jacob agus Joseiph. 16 Chuinnaic na huisgeacha thu, O Dhe, chuinnaic na huisgeacha thu, agus bha eagal orra; bha na doimhneachda fos fo thrioblaid. 17 Dhoirte na neoil amach uisge, rinn an a’ile tairneanach; agus chaidh do shaide amach. 18 Chualas guth do thairneanuich ma ’n cuairt, dhealruich an dealanach air an talamh, ghluais an talamh, agus Chlisg i. [TD 368] 19 Tha do shlighe sa chuan, agus do cheumna sna huisge mora; agus cha’ naithnichear do chas-cheuma. 20 Treoraichidh tu do phobul mar chaoirich; le lamh Mhaois agus Aaroin. URNUIGH FHEASGAIR. Salm lxxviii. Attendite popule. CLuinnidh mo lagh, O mo phobul; aomaidh ’ur cluas ri briathra mo bheoil. 2 Fosglaidh mi mo bheul, ann cosamhlachd; cuiridh mi ’n ceill briathra cruaidh o shean. 3 A chuala ’s a dh’aithnich sinn; agus a leithid ’sa dhinnis ar ’n aithriche dhuinn. 4 Nach foluicheadh sinn iad o chlainn nan linne ata ri teachd; ach a dh’fhoilseacha onair an Tighearna, oibre iongantach agus trein a rinn e; 5 Rinn e cumhnanta ri Jacob, agus thug e lagh do Israeil; a dh’aithn e d’ar sinnsire a theagasg d’an clainn. 6 Chum gum bithe eolas aig an sliochdair; agus a chlann a bha fathast gun bhreith. 7 Chum’s ’nuair a dh’fhasaich iad suas; gu ’m foillsicheadh iad an ni ceudna do ’n clainn. 8 Gu ’n cuireadh iad an earbsa an Dia; agus nach dichuimhnicheadh iad oibre Dhe, ach gu ’n coimheada’ iad aitheanta. 9 ’S nach bitheadh iad mar an sinnsire, nan linne borb agus gun chreideamh; linne nach do shuidhich an cridhe gu ceart, agus aig nach ’eil an spiorad a dlu leantuinn ri Dia. 10 Mar chlainn Ephraim; air dhoibh bhi fo acfuin, agus a giulan bhodhana, phill iad air an ais ann latha a chatha. 11 Cha do chomhead iad cumhnanta Dhe; agus cha ghluaiseadh iad n’a lagh, 12 Ach dhearmad iad ciod a rinn e; agus na hoibre iongantach a dh’ fhoillsich e air an son. 13 Nithe mior-bhuileach rinn e ann an sealla ar sinnsire, ann an tir na Heiphte; iodhoin ann am machthir Shoan. 14 Sgoilt e ’n cuan, agus leag e trid iad; thug e air na huisgeacha seasamh nan torr. [TD 369] 15 An am an latha fos threoirich e iad le neul; agus re na hoiche le solus teine. 16 Sgoilt e na creagan cruaidh san fhasach; agus thug e dhoibh deoch as, mar gu ’m b’ann as an doimhneachd mhor. 17 Thug e uisgeacha as a charraig chloiche; ionnas gu ’n do bhruchd e mach mar na habhnuichean. 18 Gidheadh pheacaidh iad ni smo na aghaidh; agus bhrosnuich iad an ti as ro airde san fhasach. 19 Bhuair iad Dia na ’n cridheacha; agus dh’iarr iad biadh air son a miann. 20 Labhair iad fos an aghaidh Dhia, ag radh; an umhluich Dia bord san fhasach? 21 Bhuail e a charraig chloiche gu deimhin, gus an do bhruchd an tuisg amach, agus shruth na sruthain mar an ceudna; ach an urrain e aran a thoirt fos, na feoil a sholar air son a shluaigh? 22 Nuair chual an Tighearna so, bha fearg air, mar sin bha ’n teine air lasadh ann an Jacob, agus eirigh trom dhiuma an aghaidh Israeil. 23 A cheann nach do chreid iad an Dia; ’s nach d’ earb iad r’a chobhair. 24 Mar sin thug e aithne do na neoil os aird; agus dh’ fhosgla’ dorsa na neamha. 25 Dhoirt e sios orra fos manna ra ithe; agus thug e lòn dhoibh o neamha. 26 Mar sin dhith daoin’ lòn aingeal; oir chuir e ga n ionnsuidh biadh gu leoir. 27 Thug e air a ghaoith an ear seide fo neamha; agus le a chumhachd thug e steach a ghaoth an iar dheas. 28 Dhoirt e feoil orra cho tiugh ri duslach; agus eoin iteach mar ghaineamh na fairge. 29 Leag e leis tuiteam am measg am buthain; iodhoin ma’n cuairt do ’n aiteacha comhnuidh. 30 Mar sin dhith iad, agus bha iad saitheach, oir thug e dhoibh am miann fein; ’s cha do mhealladh iad na miann. 31 Ach am feadh a bha am biadh fathast nam beoil, thainig fearg throm Dhe orra, agus mharbha a chuid bu shaibhre dhiu; seadh, agus bhuail e sios na daoine taghta a bha an Israeil. 32 Gidheadh pheacaidh iad fathast ni smo; agus cha do chreid iad oibre iongantach. 33 Uime sin chaith e ’n laithean an diamhanas; agus am bliadhna an trioblaid. [TD 370] 34 Nuair a mharbh e iad, dhiarr iad e; agus phill iad gu moch, agus dhiarr iad an deidh Dhia. 35 Agus chuimhnich iad gum be Dia an neart; agus gum be ’n Dia ard am fear saoruidh. 36 Gidheadh, cha d’ rinn iad ach miodal ris le ’m beul; agus labhair iad gu cealgach ris le ’n teangaidh. 37 Oir cha robh an cridh iomlan leis; ni mo bhuanaich iad seasmhach na chumhnanta. 38 Ach bha e cho trocaireach, ’s gu ’n do mhaith an eagniomhara; agus cha do sgrios e iad. 39 Seadh, ’s ioma ’uair a phill e corruich air falbh; agus cha cheaduich e do dhiuma gu h’iomlan eiridh. 40 Oir thug e fanear nach robh annta ach feoil; agus gu ’n robh iad iodhoin na ’n gaoith a theid seachad, ’s nach tig air a h’ ais. 41 ’S ioma uair a bhrosnich iad e san fhasach; agus a chuir iad doighleas air sa di-threabh. 42 Phill iad air an ais, agus bhuair iad Dia; agus bhrosnuich iad aon naomh an Israeil. 43 Cha do smuainich iad air a laimh; agus air an latha ’n uair a dh’fhuasgail e iad o laimh an namhad. 44 Cia mar a dh’oibrich e a mhiorbhaile san Eiphte; agus iongantas ann am machthir Shoan. 45 Caochall e ’n uisgeacha gu fuil; ionnas nach fheuda iad ol do na haibhnichean. 46 Chuir e miala nam measg, agus shluig e suas iad; agus losgain chum an sgrios. 47 Thug e ’n toradh do’n chaterpilar, agus an saothair do ’n fhionan fheoir. 48 Mhill e ’n fineamhuin le clacha-mheallain; agus an croinn fhige le reodha. 49 Bhuail e ’n spreidh mar an ceudna le clochadh meallain; agus an treudan le peilleara’ tairnineich ro theath. 50 Thilg e orra frioth fheirge, corruich, diuma, agus trioblaid; agus chuir droch aingle na measg. 51 Rinn e rathad da dhian chorruich fein, ’s cha do chaomhain e ’n anam o n bhas; agus thug e ’m beatha thairis do’n phlaidh. 52 Agus bhuail e na huile cheud-ghin san Eiphte; a chuid a b’ fhearr agus bu threine an ionada comhnuidh Ham. 53 Ach air son a pobul fein. threoruich e mach iad mar chaoirich; agus ghiulaineadh iad san fhasach mar threud, [TD 371] 54 Thug e mach iad gu tearuinte, nach bitheadh eagal orra; agus bhath e an naimhde leis an fhairge. 55 Agus thug e iad ’n taobh a stigh do chriocha a shanctuari; iodhoin chum na bheinn a choschin e le laimh dheis. 56 Thilg e fos amach na cinnich rompa; agus thug e fanear gun do roinneadh an tir eatorra mar oighreachd, agus thug e air cloinn Israeil comhnuidh ghabhail nam buthain. 57 Mar sin bhuair agus dh’fhag iad diumach ’n Dia ’s ro airde; ’s cha do choimhead iad a theisteis; 58 Ach thionda iad an cul-thaobh, agus thuit iad alr falbh mar an sinnsire; a claonadh gu taobh mar bhodha briste. 59 Oir chuir iad doighleas air le ’n altaire an aite ard; agus bhrosnuich iad gu diuma e le n iomhaidhean. 60 ’Nuair a chuala Dia so, bha fearg air; agus ghabh e diuma gheur ri Israeil, 61 Ionnas gun do threig e m pailean ann an Shilo; iodhoin am buthan a shuithich e measg dhaoine: 62 Thug e thairis an cumhachd ann am bruid: agus a maise an laimh an naimhde. 63 Thug e thairis fos a phobul do ’n chlaidhe; agus bha corruich air r’a oighreachd. 64 Chaidh an teine an daoine oga, ’s cha robh am maighdeana air an toirt am posadh 65 Chaidh an sagairte a mharbhadh leis a chlaidhe; agus an sin cha robh ban-traiche gu tuire a dheanamh. 66 Mar fin mhosgail an Tighearn mar aon a chadul; agus mar ghaisgeach air uracha le fion. 67 Bhuail e naimhde o’n cul-thaobh; agus chuir e iad gu naire bhuan. 63 Dhuilt e paillain Joseiph; s cha do roghnuich e treabh Ephraim; 69 Ach thagh e treabh Juda; iodhoin cnoc Shion ga ’n tug e gradh. 70 Agus ’n sin thog e theampull air ionad arda; agus leag e a bhunaite mar an steidh a dhaingnich e am feast. 71 Thagh e Daibhi fos a sheirbhiseich; agus thug e e o mhainnire nan caorach. 72 Mar bha e leantuinn nan caorach trom le ’nuain, ghabh e e; chum gu m beathuichiadh e Jacob a phobul; agus Israeil a oighreachd. 73 Mar sin bheathuich e iad le cridhe dileas agus fior; agus riaghail e iad gu seoltadh le a chumhachd gu leir. [TD 372] URNUIGH MHAIDNE. Latha xvi. Salm lxxix. Deus venerunt. O Dhe, tha na cinnich air teachd a stigh a’d’ oighreachd; thruaill iad do theampull naomh, agus rinn iad Hierusalem na charn chlach. 2 Thug iad cuirp mharbh do sheirbheisiche gu bhith na bhiadh do dh’eunlaith an athar; agus feoil do naoimh do bheathaiche na tire. 3 Dhoirt iad am fuil mar uisge air gach taobh do Hierusaleim; agus cha robh duine ann a dh’adhlaice iad. 4 Tha sinn na ’r naire fhollaiseach da ’r naimhde; na ’r sior mhaga agus abhachais dhoibhsin tha m’ an cuairt duinn. 5 A Thighearn, cia fhad a bhitheas fearg ort; an loisg t’ eud mar an teine gu siorruidh? 6 Doirt amach do chorruich air na cinnich nach do ghabh eolas ort; agus air na righeachda nach do ghair air t’ainm. 7 Oir shluig iad Jacob; agus chuir iad fas aite comhnuidh. 8 O na cuimhnich ar seana pheaca, ach dean trocair oirn, agus sin gu luath: oir tha sinn air teachd gu truaighe mhor. 9 Dean cobhair oirn, O Dhia ar slainte, air son gloire tainm; O saor sinne agus bi trocaireach da’r peacaidh air sga’ tainme. 10 C’arson tha na cinnich ag radh: c’aite anis am bheil an Dia? 11 O bitheadh dioghealtas fuil do sheirbhisiche a th’air a dorta; air an nochda’ gu follaiseach air na cinnich ann ar sealla. 12 O thige osnaich bhrònach a phriosuinich a’d’ lathair; a reir meud do chumhachd, soar thusa iad sud a th’ air an orducha gu bas. 13 Agus air son a toibheum leis an tug ar coimhearsnaich toibheum dhuitse; thoir thusa duais doibh, O Thighearna, seachd fhilte nan uchd. [TD 373] 14 Mar sin, bheir sinne do shluagh, agus caoirich tionaltraidh, buidheachas dhuitse am feast; agus bithidh sinn a ghna foillseacha do Mholaidh o linn gu linn. Salm lxxx. Qui regis Israeil. CLuinn O thusa Bhuachail Israeil, thusa threoiricheas Joseph mar chaoirich; nochd thu fein fos, thus ata a’d’ shuithe air na Cheruba. 2 Ann lathair Ephraim, Bhenjamin, agus Mhanaseh; duisg do neart, agus thig, agus cuidich sinne. 3 Pill sinn aris, Dhia; foillsich solus do ghnuis, agus bithidh sinne slan. 4 O thighearna Dhia nan sluagh; cia fhad a bhitheas corruich ort ri d’ phobul a tha ri urnuidh? 5 Tha thu gam beathucha le aran nan deur; agus a toirt dhoibh pailteas do dheoir ri ol. 6 Rinn thu sinn n’ar fior aobhar stri da’r coimhearsnuich; agus tha ar naimhde a deanamh gaire fochaid rinn. 7 Pill sinn aris, thus a Dhia nan sluagh; foillfich solus do ghnuise, agus bithidh sinn slan. 8 Thug thu fineamhuin as an Ephite; thilg thu mach na cinnich, agus shuidhuich thu i. 9 Rinn thu aite dhi; agus nuair a ghabh i freamh, lion i ’n tir. 10 Bha na cnoic air am folach le a sgaile; agus bha a geugan mar na craobhan breagha cedair. 11 Shin i mach a meoir chum an chuain; agus a geugan chum na haibhne. 12 C’arson ma seadh a bhris thu sios a fal; gu ’n dean iads uile a theid seachad, a fion-dhearcan a spionadh? 13 Tha ’n torc fiadhaich as a chaoille a spiona a freamh; agus tha beathuichean allta na machthire ga slugadh. 14 Pill thus aris, O Thighearna nan sluagh, seall sios o neamh, feuch, agus fiosruich an fhineamhuin so; 15 Agus aite a garaidh fhiona a shuidhich do lamh dheas; agus a gheug a rinn thu cho laidir dhuit fein. 16 Tha i air a losga le teine, agus air a gearra fios; agus theid iad gu dith le achdmasan do ghnuise. 17 Bithe do lamh air fear do laimhe deise; agus air mac an duine, a rinn thu cho laidir air do shon fein. [TD 374] 18 Agus mar sin cha d’ theid sinne air ar’n ais uat; O ceaduich dhuinne bhi beo, agus gairidh sinn air tainm. 19 Pill sin air ar’n ais, O Thighearn Dhia nan sluagh; foillsich solus do ghnuise; agus bithidh sinn slan. Salm lxxxi. Exultate Deo. SEinnibh sibh gu subhach do Dhia ar neart; deanaidh fuaim shuilbheir do Dhia Jacob. 2 Gabhaidh salm, thugaibh ann so an trompaid; a Chlarsich shuntach leis a chruit. 3 Seidibh an trompaid sa ghealaich nuadh; iodhoin san am orduichte, agus air ar laithe feile naomh. 4 Oir chaidh so a dheanamh na reachd do Israeil; agus na lagh o Dhia Jacob. 5 Dhorduich e so ann Joseph mar theisteas; ’nuair a thainig e mach o tir na Ephite, agus a chualas cainnt choitheach. 6 Dh’ fhuasgail mi a ghualain o’n eallaich; agus shaoradh a lamhan o dheanamh nam pota. 7 Ghair thu ormsa ann an trioblaide, agus dh’fhuafgail mi ort; agus chualadh mi thu sna hamana a thuit an doinnion ort. 8 Dhearbh mi thu fos; aig uisgeacha na stri. 9 Cluinn o mo phobul, agus bheir mi san chainnt dhuit, O Israeil; mu dh’eisteas tu rium, 10 Cha bhi Dia coitheach sam bith annad; ni mo ni thu aoradh do Dhia sam bith eile. 11 ’Smise ’n Tighearna do Dhia, thug thus amach a tir na h’ Eiphte; fosgail do bheul gu farsaing, agus lionuidh mise e. 12 Ach cha chluinne mo phobul mo g huth; agus cha tuga Israeil geill domh. 13 Mar sin thug mi thairis iad do dh’ anamiann an cridhe fein; agus ceaduich mi dhoibh leantuin an innleacha fein. 14 O, nach tugadh mo phobul eisteachd dhomh; oir na ’n gluaise Israeil ann am shlidhibh. 15 Chuirinn gu luath sios an naimhde; agus thiondainin mo lamh an aghaidh an eascairde. 16 Gheibhte luchd fuath an Tighearna nam breugaire; ach mhaireadh an am sin gu siorruidh. 17 Bheathuicheadh e iad fos leis a chruinneachd as fior-ghlainne; agus le mil as a charruig chloiche shasaichin thu. [TD 375] URNUIGH FHEASCAIR. Salm lxxxii. Deus stetit. THa Dia ag sheasamh ann a cothional Phrionsacha; ’s breithe e measg dhaonne. 2 Cia fhad a bheir sibh breith eacorach; sa ghabhas sibh pearsa nan aindiaghaidh? 3 Dionaibh am bochd agus an dileachdan; faic gu ’m faith a mheud ’s tha feumach agus an eigin ceartas. 4 Saoreadh iadsan th’ air an tilge mach agus am bochd; teasairge iad o laimh an aindiaghaidh. 5 Cha ghabh iad foghlum na tuigse, ach tha iad dol air an aghaidh a ghna ann an dorchadas; tha bunaite an talmhain gu leir as an aite. 6 Thuirt mi, ’s Dee sibh; agus clann an ti is ro airde. 7 Ach gheibh sibh bas mar dhaoine; agus tuitidh sibh mar aon do na prionsachan. 8 Eirich, O Dhe, agus thoir breith air an talamh; oir gabhaidh tu na cinnich uile mar oighreachd dhuit. Salm lxxxiii. Deus, quis similis. NA bi a’d’ thost, O Dhe, ’sna bi balbh a ghna; na cum thu fein air ais, O Dhia. 2 Oir feuch, tha do naimhde ri monmhur; agus iadsan tha toirt fuath dhuit a togail an cinn. 3 Dheilbh iad gu hinnleachdach an aghaidh do pobul; agus ghabh iad comhairle an aghaidh do mhuintir dhimhir. 4 Thuirt iad, thigeamid, agus sgriosa mid amach iad, nach bi iad nan pobul ni smo; agus nach bi ainm Israeil ni smo an cuimhne. 5 Oir chuir iad an cinn ra cheile a dh’aon intinn; agus tha iad an co-bhoinn a taghaidh; 6 Buthain nan Edomach, agus nan Ishmaelich; na Moabich agus nan Hagarenich, 7 Ghebal, agus Ammon, agus Amalic; nam Pillistach, maille riusan tha comhnuidh aig Tyre. 8 Tha Assur fos ceangailt riu; agus chuidiche iad clann Lot. 9 Ach dean thusa dhoibh mar do na Midianich; do Shisera, us do Iabin aig Sruth Chisoin, [TD 376] 10 A mhileadh aig Endor; agus a dh’ fhas mar aolach na lmhain. 11 Dean iad fein agus am prionsacha mar Oreb agus Zeeb; seadh, dean am prionsachan uile cosmhul ri Zeba agus Salmana. 12 A tha ’g radh, gabhamid dhuin fein tighean Dhe an seilbh. 13 O mo Dhia, dean iad cosmhul ri cuibhle; agus mar a chonlach roimh an ghaoith; 14 Cosmhul ris an teine loisgeas am fiogh; agus mar an lasair a chaitheas na beannta. 15 Dean an ruaga’ mar sin led’ dhoinnion; agus cuir eagal orra led’ stoirm. 16 Cuir an aghaidh fo naire, O Thighearna; chum gu’ n iarr iad tainm. 17 Bitheadh iad air an claoidh s air an cradh a ghna ni smo’ s ni smo; bitheadh iad air an cuir gu naire, agus rachadh iad gu dith. 18 Agus tuigidh iad gur tusa amhain ga ’n ainm Jehobha; an ti ’s ro airde thair an talamh uile. Salm lxxxiv. Quam dilecta. O Cia gradhach tha t’ionada comhnuidh; thusa Thighearna nan sluadh! 2 Tha miann agus fadal air m’ anam gu dhol a steach an cuirtibh an Tighearn; tha mo chridhe agus m’ fheoil ri gairdeachas san Dia bheo. 3 Seadh, fhuair an gealbhann tigh dhi fein, agus an golan-gaoithe nead, far an cuir i halach; iodhoin t’ altaire, O Thighearna nan sluagh, mo Righ agus mo Dhia. 4 Sbeannuichte iadsan tha chomhnuidh ann a’d’ thigh: bithidh iad do ghna g’ad mholadh. 5 Sbeannuicht an duine g’am bheil a neart annad; ’s aig am bheil do shlidhe na chridhe. 6 A theid tre ghleann na truaidhe, ga ghnathacha mar thobar; agus tha na sluichd air an liona le huisge. 7 Theid iad o neart gu neart; agus do Dhia nan Dee foillsichear gach aon dibh ann Sion. 8 O Thighearna Dhia nan sluagh, eisd m’ urnuidh; eisd O Dhe Jacob. 6 Feuch, O Dhe ar fear tearnaidh; amhairc air gnuis t ungaiche. [TD 377] 7 Theid iad o neart gu neart; agus do Dhia na Dee, taisbeinear gach aon diu an Sion. 8 O Thighearn, Dhia nan sluagh, eisd m’ urnuidh; eisd O Dhe Jacob. 9 Feuch, O Dhe ar fear tearnaidh, amhairc air gnuis t’ungaiche. 10 Oir ’s fearr aon la a’d’ chuirtibh; no mile. 11 Bfhearr leam a bhi am dhorsair ann an tigh mo Dhia; no bhi chomhnuidh ann am buthain na haindiagheachd. 12 Oir is solus agus daingneach an Tighearna Dia; bheir an Tighearna gras agus gloir, ’s cha chumar ni maith sam bith o’n mhuintir tha caithe beatha gu diaghaidh. 13 O Thighearna Dhia nan sluadh; sbeannuichte an duine a chuireas a dhochas annadsa. Salm lxxxv. Benedixisti, Domino. A Thighearna tha thu air n’ fhas grasmhor do d’ thir; phill thu air falbh bruid Jacob. 2 Mhaith thu cionta do phobul; agus chomhduich thu m peacana uile. 2 Thug thu air falbh do dhiuma uile; agus phill thu thu fein o d’ chorruich fheargach. 4 Pill sinne ma seadh, O Dhe ar slainte; agus scuireadh t’ fhearg uainne. 5 ’M bi thu diumach rinn gu brath; agus an sin thu mach do chorruich o linn gu linn? 6 Nach pill thu aris agus beathaich sinne; chum gu ’n dean do phobul gairdeachas annad? 7 Nochd dhuinne do throcair, O Thighearna; agus deonuich dhuinne do shlainte. 8 Eistidh mi ciod a their an Tighearna umam; oir labhruidh e sithchaimh ri a phobul, agus ri a naoimh, chum nach pill iad air an ais 9 Oir th’a shlainte am fogus dhoibhse air am bheil eagal-san; chum gum bi gloir a chomhnuidh nar tir. 10 Tha trocair agus firinn air comhlucha a cheile; phog fireantachd agus sithchaimh cach a cheile. 11 Fa aidh firinn as an talamh; agus sheall sireantachd a nuas o neamh. 12 Seadh, nochdaidh ’n Tighearna caoimhneas gradhach; agus bheir ar tir uaipe a toradh. [TD 378] 13 Theid fireantachd roimhe; agus seolaidh e ’n imeachd san t slighe. URNUIGH MHAIDNE. Latha xvii. Salm lxxxvi. Inclina, Domine. CROM anuas do chluas, O Thighearna, agus cluinn mi; oir tha mi bochd agus ann an truaighe, 2 Teasairg thusa m’ anam, oir tha mi naomha; mo Dhia, sabhail do sheirbheiseach tha ’g earbs annad. 3 Bi trocaireach dhomh, O Thighearna; oir gairidh mi ort gach latha. 4 Thoir solas do dh’anam do shairbhaisich; oir san riut, O Thighearn tha mi togail suas m’anama. 5 Oir tha thusa, a Thighearn, maith agus grasmhor; agus mor throcaireach dhoibhse uile tha gairm ort. 6 Thoir eisteachd, a Thighearn, do’m urnuidh; agus beachdaich air guth m’iarrtais umhal. 7 Ann an am mo thrioblaid gairidh mi ort; oir cluinnidh tu mi. 8 A measg nan De cha ’n ’eil aon cosmhuil ruit, O Thighearna; cha ’n ’eil aon is urra dheanamh mar ni thusa. 9 Thig na huile chinneach a rinn thusa agus ni iad aora’ dhuit, O Thighearn; agus bheir iad gloir do d’ ainm. 10 Oir tha thu mor, agus a deanamh nithe iongantach; s’tu amhain Dia. 11 Teagaisg dhomh do shlighe, O Thighearna, agus gluaifidh mi a’d’ fhirinn; O druid mo chridhe riut fein, chum gu m bi eagal tainme orm. 12 Bheir mi buidheachas dhuit, O Thighearna mo Dhia, le m’uile chridhe; agus molaidh mi tainm a chaoidh. 13 Oir smor do throcair dhomhsa; agus dh’ fhuasgail thu m’ anam o’n ifrinn is isle. 14 O Dhe, tha na huaibhraich air eiridh am aghaidh; agus dhiarr co-thional dhaoine olc ’n deidh m’anama, agus cha do chuir iad thusa roimh an suile. [TD 379] 15 Ach tha thusa, O Thighearna Dhe, lan trocair agus iochd; fad fhulangach, pailt ann am maitheas agus am firinn. 16 O pill thusa ma seadh rium, agus dean trocair orm; thoir do neart do d sheirbheiseach, agus cuidich mac do bhan oglaich. 17 Nochd comhar-eigin orms air mhaith, chum gu ’m faic a mhuintir tha toirt fuath dhomh e, agus gu ’m bi nair orra; cheann gun do chuidich thusa, Thighearna mi, agus gu ’n tug thu solas dhomh. Salm lxxxvii. Fundamenta ejus. THA a bunaite air na cnoic naomha; is ionmhuine le’n Thighearn gheatachan Shioin na huile aite comhnuidh Jacob. 2 Tha nithe ro oirdhearc air a labhairt umad; thusa chathair Dhe. 3 Smuainichidh mi air Rahab agus Babilon; maille riusan aig am bheil eolas orm. 4 Feuchaidh sibhse na Philistich mar an ceudna; agus iad sud o Thire, maille ris na Morianich, feuch, n sin rugadh e. 5 Agus direar mu Shion gu ’n d rugadh e innte; agus daingnichidh ’n ti ’s ro airde i. 6 Aithrisidh an Tighearna e nuair a sgriobhas e m’ un pobul; gu’n d ruga’ e ann sin. 7 Aithrisidh e mar an ceudna ’n luchd ciuil agus an luchd thrompaide; bithidh mo thoibriche ’ur uile annad. Salm lxxxviii. Domine Deus. O Thighearna Dhe mo shlainte, ghlaodh mi a la sa dhoiche riut; O thige m’ urnuidh a steach a’d’ fhianais, aom do chluas ar m’ ghairm 2 Oir tha m’anam lan trioblaid; agus tha mo bheatha tarruing am fogus do dh’ ifrinn. 3 Tha mi air mo mheas mar aon dhiubhsa theid sios do ’n t slochd; agus tha mi iodhoin mar dhuine aig nach ’eil spionadh. 4 Saor a measg na marbh, cosmhuil riusan a th’air an lota, agus laidhe san uaigh; a tha as cuimhne, agus air an ghearra sios le d’ laimh. [TD 380] 5 Leag thu mi san tslochd is isle; an ionad dorchadas, agus ann san doimhne. 6 Tha tfhearg a laidhe gu cruaidh orm; agus chraidh thu mi led’ stoirme uile. 7 Chuir thu mo luchd eolais fada uam; agus rinn thu mi am ghrain doibh. 8 Tha mi cho teann am priosan; ’s nach urrain mi faotain amach 9 Tha mo shuil a’ failnighe le fior thrioblaid; a Thighearna, ghair mi ort gach la, shin mi mach mo lamhan riut. 10 ’M bheil thu foillsich iongantais a measg na marbh; no an eirich na marbh a ris; agus an toir iad moladh dhuitse? 11 Am foillsichear do chaoimhneas gradhach san uaidh; no tfhireantachd san sgriosa’? 12 An aithnichear t’oibre iongantach san dorcha; agus tfhireantachd san ionad ann am bheil na huile ni air a dearmad. 13 Riut a ghlaoidh mi, O Thighearn; agus thig m’urnuidh gu moch a’d’ lathair. 14 A Thighearna, c’arson tha thu gabhail grain do m’ anam; c’arson tha thu folach t’aghaidh uam? 15 Tha mi ann truaidhe, agus cosmhuil ris an neach a tha am fogus do’n bais; iodhoin o m’oige suas dh’fhuiling mi t’uabhais le intinn thrioblaidich. 16 Tha do dhiuma feargach a dol tharum; agus mhill t’-eagal mi. 17 Thainig iad ma ’n cuairt domh gach la mar uisge; agus chuairtich iad mi le cheile air gach taobh: 18 Chuir thu mo chairde ’s mo luchd-gaoil fada uam; agus dh’ fholuich thu mo luchd-eolais as mo shealla. URNUIGH FHEASGAIR. Salm. lxxxix. Miserecordias Domini. BIthidh m’ oran a ghna mu choimhneas gradhach an Tighearna; le m’ bheul bithidh mi foillsaich t fhirinn, o linn gu linn. 2 Oir thuirt mi, bithidh trocair air a chuir suas am feast; daingnichidh tu t fhirinn an s’ na neamha. [TD 381] 3 Rinn mi coi-cheangal ri m’fhear thaghta; mhionuich mi do m’ sheirbheiseach Daibhi, 4 Daingnichidh mi do shliochd am feast; agus togidh mi suas do ri-chathair o linn gu linn. 5 Q Thighearna, molaidh na neamha fein toibre iongantach; agus t fhirinn ann cothional na naomh. 6 Oir co e ameasg nan neul; a choi’measarg ris an Tighearna? 7 Agus ciod e ameasg nan De; a bhitheas cosmhul ris an ighearna? 8 Tha Dia na chuis eagail ro mhor ann comhairle na naoimh; agus cuis urram dhoibh sin uile a tha ma ’n cuairt da. 9 O Thighearna Dhia nan sluagh, co tha cosmhul riut; tha t’ fhirinn, a Thighearn ’s ro airde, air gach taobh. 10 Tha thu riaghla onfha a chuain; cuiridh tu nan tamh a tonna nuair a dheirgheas iad. 11 Cheansich thu ’n Eiphte, agus sgrios thu i; sgap thu do naimhde am fad le d’ ghairdein trein. 12 S’leat na neamha, agus s’leat an talamh fos; leag thu bunaite an tsaoghail chruinn, agus na huile ni a th’ann. 13 Rinn thu n’airde tuath, agus an airde deas; ni Tabor agus Hermon gairdeachas ann a tainm. 14 Tha gairdean trein agad; ’s laidir do lamh, agus ’s arda do lamh dheas. 15 Si fireantachd agus cothrum ionad comhnuidh do chathrach; theid trocair agus firinn roimh do ghnuis. 16 Sbeannuichte an sluadh, O Thighearn, ’s urra gairdeachas a dheanamh annad; gluaisidh iad ann an solus do ghnuise. 17 Bithidh an toil-intinn gach la ann a tainm; agus ann a t fhireantachd ni iad an uaill. 18 Oir s’tusa gloir an neart; agus ann a’d chaoimhneas gradhach togaidh tu suas ar n’ adhairce. 19 Oir se ’n Tighearna ar didean; se aon naomh Israeil ar Righ. 20 Labhair thu uair-eigin ri d naoimh ann am foillseachadh agus thuirt thu: leag mi cuiduicha air neach a tha trein, dh’ arduich mi neach taghta as an tsluagh. 21 Fhuair mi mo sheirbhaiseach Daibhi; le ’m ola naomh dhung mi e. 22 Cumaidh ma lamh e gu daingean; agus neartuichidh mo ghairdean e. [TD 382] 23 Cha nurra an namhad forneart a dheanamh air; cha dochuin mac na haingeachd e. 24 Buailidh mi fios an naimhde na lathair; agus cuiridh mi aincheist orrasa aig am bheil fuath dha. 25 Bithidh mo throcair fos agus ’m fhirinn maille ris; agus ann am ainm bithidh adharc air a harducha. 26 Cuiridh mi uachdranachd sa chuan fos; agus a lamh dheas sna tuilte. 27 Gairidh e, s’tu m’athair; mo Dhia, agus mo shlainte laidir. 28 Ni mi mo cheud ghin dheth; ni ’s airde na Righre an talmhain. 29 Gleidhidh mi mo throcair dha a chaoidh; agus seasaidh mo choi’ cheangal gu teann ris. 30 Bheir mi air a shliochd fos gu mair iad gu brath; agus a Righ-chathair mar laithe neamha. 31 Ach ma threigeas a chlann mo lagh; agus nach gluais iad ann am bhreitheanais; 32 Ma bhriseas iad mo statuis, s nach coimhead iad m’aitheante; fiosrichidh mi n eaceartas leis an tlait, agus am peaca le sgiursaire. 33 Gidheadh, cha toir mi mo chaoimhneas gradhach gu tur uaithe; s cha cheadich mi m’ fhirinn failneacha. 34 Mo chumhnanta cha bhrist mi, ’s cha ’n athraich mi an ni chaidh mach as mo bhile; mhionuich mi aon uair air mo naomhachd, nach failnichin Daibhi. 35 Mairridh a shliochd gu siorridh; agus tha chathair mar a ghrian am lathair. 36 Seasidh e daingean gu siorruidh mar a ghealach; agus mar an fhianais fhirinich air neamh. 37 Ach threig thu agus ghabh thu grain do t’ungachte; agus tha thu diumach dheth. 38 Bhrist thu cunanta do sheirbheisich; agus thilg thu a chrun chum an lair. 39 Bhrist thu a fail uile: agus tilg thu sios a dhaingniche laidir. 40 Tha na huile neach theid seachad, ga chreacha; agus tha e air ’n fhas na chuis mhaslidh d’a choirmharsnaich. 41 Thog thu suas lamh dheas a naimhde; agus thug thu air a eascairde uile gairdeachas a dheanamh. 42 Thug thu air falbh faobhar a chlaidhc; agus cha d’ tuig thu buaidh dha sa chath. [TD 383] 43 Chuir thu as a ghloir; agus thilg thu a righ-chathair sios gun lar. 44 Ghearrich thu laithean a oige; agus chomhdich thu e le easonair. 45 Thighearna, cia fad a ni thu thu fein fholach, nan gu brach; agus an loisg do chorruich mar theine? 46 O cuimhnich cia gearr mo re; ciod uime rinn thu na huile dhaoin air son neo ni? 47 Ciod an duine tha beo, agus nach faic bas; agus an saor e anam o laimh ifrinn? 48 Thighearna, c’aite am bheil do sheana chaoimhnais ghradhach; a mhionuich thu do Dhaibhi ann a t’ fhirin? 49 Cuimhnich, a Thighearn, an tachdmhasan a th’ aig do sheirbhaisich: agus cia mar tha mise guilan am uchd achdmhasain moran sluaidh; 50 Leis an tug do naimhde toibheum dhuit, agus leis an do masluich iad chas-cheuma t’ungaichte; gu ’n robh ’n Tighearn air a mhola’ a chaoidh. Amen, agus Amen. URNUIGH MHAIDNE. Latha xviii. Salm xc. Domine, refugium. A Thighearna, bu tu ar tearmun; O aon ginealach gu ginealach eile. 2 Mu’n deach na sleibhte thoirt amach, no riamh mu’n d’ rinne an talamh no ’n saoghal; s’tusa Dia o bhith-bhuantach agus saoghal gun chrich. 3 Pillear leat duine gu nio ni; a ris their thu, thigibh a ris, a chlainn nan daoine. 4 Oir cha’ n’eil mile bliadhne a’d’ shealla ach mar an de; cheann gu n teid sin seachad mar fhaire san oiche. 5 Cho luath sa sgapas thu iad, tha iad direach mar n’a chodul; agus crionaidh iad air falbh gu grad mar am feur. 6 Sa mhaduin tha e uaine, agus a fas suas; ach san fheasgar, tha e air a gheara fios’ air a thiormacha suas, agus air searga. [TD 384] 7 Oir caithidh sinne air falbh an a’d’ dhiuma; agus tha sinn fos eagal a’ d’ chorruich fheargaich. 8 Chuir thu ar mi ghnomhara ann a’d’ lathair; agus ar peacana diamhair ann an solus do ghnuise. 9 Oir nuair tha corruich ortsa, chaith ar laithean uile thairis, bheir sinn ar bliadhna gu crich, mar sgeul a dh’insear. 10 S iad laithe ar n aois tri fichead bliadhna sa deich, s ge d robh daoine cho neart-mhor s’gu’ntig iad gu ceithir fichead bliadhna; gidheadh cha’ n’eil nan spionadh ann sin ach saothair agus bròn; theid e seachad cho luath, agus cha n ’eil sinn idir ann. 11 Ach co bheir fanear cumhachd do chorruich; oir iodhoin an deidh fin mar bhitheas eagal air duine, mar sin tha do dhiuma. 12 Mar sin teagaisg duinn ar laithean aireamh; chum gu ’n cleachd sinn ar cridhe ri gliocas. 13 Pill thus a ris, O Thighearn, fa dheire; agus bi grasmhor dod sheirbheisiche. 14 O sasuich sinn led’ throcair, agus sin gu luath; mar sin ni sinn gairdeachas agus bithidh sinn ait uile laithean ar beatha. 15 Thoir sòlas dhuinn anois a ris ’n deidh an am a thug thu plaigh oirn; agus airson nam bliadhna san d’ fhuiling sinn bochduin. 16 Nochd t obair do d’ sheirbheisiche; agus do ghloir do’n clainn. 17 Agus gu robh morachd ghloir-mhor an Tighearna ar Dia oirne; soirbhuich thusa obair ar lamha leinn, O soirbhuich thusa obair ar lamha. Salm xci. Qui habitat. CO s am bith a ghabhas comhnuidh fo dhidean an ti ’s airde; ni e tamh fo sgaile an uile-chumhachdaich. 2 Their mi ris an Tighearn, s’tu mo dhochas, agus mo dhaingneach laidir; mo Dhia, ansan earbaidh mi. 3 Oir saoruidh e thu o ribe an tsealgair; agus on plaigh ghrainail. 4 Ni e do dhionadh fo a sgiatha, agus bithidh tu tearuinte fo iteach; bithidh ionracas, agus fhirin nan sge s na ’n targaid duit. 5 Cha bhi eagal ort o uabhas sam bith san oiche; no as an tsaithead tha ’g itealaich san latha: [TD 385] 6 No as a phlaigh tha’ g imeachd san dorchadas; no as an tinneas tha ri sgrios mu mheadhon la. 7 Tuitidh mile ri d’ thaobh, agus deich mile aig do laimh dheis; ach cha tig e ’m fogus duitse. 8 Seadh, le d’ shuile beachduichidh thu; agus chi thu duais an ain-diaghaidh. 9 Oir s’tusa, Thighearna, mo dhochas: oir shuithich thu do thigh dionuidh ro ard. 10 Cha ’n eirich olc dhuit; ni mo thig plaigh sam bith ’m fogus do d’ aite comhnuidh. 11 Oir bheir e aithne do aingle thairis ort; chum do choimhead ann a’d’ shlighibh uile. 12 Guilainuidh iad thu nan lamha; chum nach dochainn thu do chas ri cloich. 13 Saltraidh tu air an leomhan agus air an nathair nimhe; ni thu ’n leomhan og agus an dragon a shaltairt fo d’ chasan. 14 Cheann gu n do shuithich e ghradh orm, uime sin ni mi a shaoradh; cuiridh mi suas e, cheann gu ’m b’ aithne dha m ainm. 15 Gairmidh e orm, agus cluinnidh mi e; seadh, tha mi maille ris ann an trioblaid; saoraidh mi e, agus bheir mi gu honair e. 16 Sasuichidh mi e le beatha fhada; agus foillsichidh mi dha mo shlainte. Salm xcii. Bonum est confiteri. ’S NI maith buidheachas a thoirt do ’n Tighearna; agus mola’ a sheinn do t’ainm, O Thi ’s airde. 2 A dhinnse mu d’ chaoimhneas gradhach gu moch sa mhaduin; agus mu d’ fhirinn an am na hoiche. 3 Air inneal ciuil dheich teuda, agus air an cruit; air inneal ard-ghuthach, agus air a chlarsaich. 4 Oir rinn thusa, Thighearn, mise ait tre t’oibre; agus ni mi gairdeachas ann a moladh a thoirt air son oibre do lamha. 5 O Thighearna, cia glormhor t’oibre; tha do smuainte ro dhomhain. 6 Cha toir duine ei-ceile so fanear; agus cha tuig amadan e. 7 Nuair tha daoine mi-dhiadhaidh, uaine mar fheur; agus nuair a soirbheacheas iadsan uile ata cuir an gniomh aingeachd; n [TD 386] sinbithidh iad air an sgrios am feast, ach s’tus, a Thighearn, an Ti ’s airde a chaoidh. 8 Oir feuch, theid do naimhde, O Thighearna, feuch, theid do naimhde gu di; agus bithidh iadsan uile ata cuir an gniomh aingeachd air an sgrios. 9 Ach bith m’adharcsa air a harducha mar adharc an aon-aircich; oir tha mi air m’unga’ le hola ur. 10 Chi mo shuil fos a miann air mo naimhde; agus cluinnidh mo chluas a run mu’n aingaidh tha ’g eiridh suas am aghaidh. 11 Fasaidh ’m firean mar chrainn pailme; agus sgaoilidh e ’m fad mar shedar ann an Libanus. 12 A mheud sa bhios suichte ann tigh an Tighearna; blatheas iad an cuirtibh tigh ar Dia. 13 Bheir iad amach fos tuile meas nan aois; agus bithidh iad sultmhar agus tlachdmhar. 14 Chum gu ’m foillsaich iad cia fior tha ’n Tighearna mo neart; agus nach ’eil eas-ionracas sam bith ann. URNUIGH FEASGAIR. Salm xciii. Dominus regnavit. THa ’n Tighearna na righ, agus chuir e uime trusgan glormhor; chuir an Tighearn uime a thrusgan, agus chriosruich e e fein le spionadh. 2 Rinn e ’n saoghal cruinn cho daingean; ’s nach gabh e carucha. 3 Reamh o’n thoisich an t’saoghal bha do chathair umhluichte; tha thu a bhi-bhuantachd. 4 Tha na tuilte air eiridh, O Thighearna, thog na tuilte suas an guth: thog na tuilte suas an tonna. 5 Tha tuinn a chuain trein, agus air boille gu garbh; ach gidheadh tha ’n Tighearna, tha chomhnuidh san airde, ni ’s treine. 6 Tha do theisteas, O Thighearna, ro chinteach; tha naomhachd iomchuidh do d’ thigh gu brath. [TD 387] Salm xciv. Deus, ultionum. O Thighearna Dhe, ga ’m buin dioghaltas; thusa Dhe, ga’m buin dioghaltas, foillsaich thu fein. 2 Eirich, thus a bhreithe an domhain; agus thoir duais do na huaibhrich a reir an toilltinis. 3 Thighearna, cia fad a bheir na hain-diaghaidh: cia fad a bheir na hain-diaghaidh buaidh? 4 Cia fhad a labhras iadsan uile tha deanamh aingeachd cho spiodail; agus a ni iad a leithid a dh’ uaill uaibhreach? 5 Tha iad a buailidh sios do phobul, O Thighearna; agus a cuir trioblaid air d’ oighreachd. 6 Tha iad a murta’ na bantraich, agus a choigrich; agus a cuir an dileachdain gu bas. 7 Agus gidheadh their iad, hu! cha ’n fhaic an Tighearn e; ni mo bheir Dia Jacob fanear e. 8 Thugaibh an aire, sibhse tha ea-ceill a measg an pobul; O sibhs amadana, c’uin a thuigeas sibh. 9 ’N ti shuithich a chluas, ne nach cluinn e; no ’n ti rinn an tuil, ne nach fhaic e? 10 No eifin tha toirt oilein do na cinnich; is e theagaisgeas eolas do dhuine, ne nach toir e peanas? 11 ’S aithne do ’n Tighearna smuainte duine; nach ’eil iad ach diamhain. 12 ’Sbeannuichte an duine smachduicheas tusa, O Thighearna; agus a ni thu theagasg ann a’d’ lagh. 13 Chum gu ’n toir thu faidhidin dha an am na hairc; gus am bi ’n slochd air a chladhach air son an ain-diaghidh. 14 Oir cha ’n fhailnich an Tighearn air a phobul; ni mo a threigeas e oighreachd fein. 15 Gus am pill fireantachd air a hais ri breitheanas; leanaidh mhead ’s ga ’n bheil cridhe fior i. 16 Co dh’ eireas leam an aghaidh an aingidh; na co ghabhas mo phairt an aghaidh luchd an uilc? 17 Mur cuidiche an Tighearna leam; s’ beag nach robh m’ anam a chuir gu tosd. 18 Ach ’nuair thuirt mi, shleamhnuich mo chas; chum do throcair, O Thighearna, suas mi. 19 Ann an lionmhaireachd nan iomaguine a bha agam am chridh; dhath-urich do sholais m’ anam. [TD 388] 20 An gabh thu gnothach sam bith ri stol na haingeachd; tha dealbh uilc mar lagh? 21 Tha iad ga ’n tional ri cheile an aghaidh anam an fhirean; agus a dite na fala neo-chiontaich. 22 Ach se ’n Tighearna mo thearmunn; agus se mo Dhia neart mo mhuinghin. 23 Diolaidh e dhoibh a reir an aingeachd; sgriosaidh e iad ann na mi-run fein; seadh, sgriosaidh ’n Tighearna ar Dia iad. URNUIGH MHAIDNE. Latha xix. Salm xcv. Venite, exultemus O Thigibh, sinneamaid do ’n Tighearna; deanamaid gairdeachas gu suilbheir, ann an carraig ar slainte. 2 Thigeamaid a steach ’na lathair le breith-bhuidheachas; agus taisbeinmid sinn fein aobhneach annsan le sialmaibh. 3 Oir is Dia mor an Tighearna; agus Righ mor oscionn nan uile Dhe. 4 Ata uile chriochana talmhain ann na laimh-sin; agus ’s leis neart nam beann mar an ceudna. 5 Is leisean an fhairge, agus rinn e i; agus dhealbh a lamhan an talamh tiorum. 5 O thigibh, deanamaid adhradh, agus tuiteamaid sios; agus sleuchdamaid ann lathair an Tighearna ar cruith-fhear. 7 Oir is eisin an Tighearna ar Dia, agus is sinne pobul inealtruidh agus caoirich a laimh. 8 An diu ’ma dh’eisdeas sibh a ghuth, na cruaidhichibh ’ur cridheachan; mar ann sa bhrosnucha, agus mar ann an la bhuairidh san fhasach. 9 ’Nuair a bhuair ’ur ’n aithreacha mi; agus a dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’oibre. 10 Re da fhichiod bliadhna bha mi air mu ghraineacha leis a ghinealach so, agus thuirt mi; is pobul iad ata air seacharan nan cridheachaibh, oir cha robh eolas aca air mo shlighibh. [TD 389] 11 Da ’n do mhionnaich mi a’m’ fheirg; nach racha’ iad a steach do ’m shuaimhneas. Salm xcvi. Cantate Domino. O Seinnibh do ’n Tighearn oran nuadh; seinnibh do’n Tighearna, a thalaimh gu hiomlan. 2 Seinnibh do ’n Tighearn, agus molaibh ainm; bithibh ag aithris mu a shlainte o la gu la. 3 Cuiribh onair an ceill do na cinnich; agus iongantas do na huile pobul. 4 Oir tha ’n Tighearna mor, agus cha fheudar a mhola’ mar is cubhaidh: tha e na chuis eagail os cionn nan uile Dhia. 5 Air son uile Dhe nan cinnich, cha’ n’eil annta ach iodhail; ach se ’n Tighearna rinn na neamha. 6 Tha gloir agus adhradh na lathair; tha cumhachd agus onair na ionad naomha. 7 Thugaibh do’n Tighearna, O sibhse chineacha nam poibleach; thugaibh do ’n Tighearn adhradh agus cumhachd. 8 Thugaibh do ’n Tighearna an onair is dligheach d’a ainm; thugaibh leibh tiolaca, agus thigibh ga chuirte. 9 O deanaibh adhradh do’n Tighearna ann a maise na naomhachd; bithidh eagal air an talamh uile roimhe. 10 Innsibh ’mach e measg nan cinnich, gur e n Tighearna ’s Righ; agus gur e an ti rinn an domhain cruinn cho daingean snach gabh e carrucha, agus cia mar bheir e breith chothrumach air an pobul. 11 Deanadh na neamha gairdeachas, agus bithe an talamh ait; deanadh an cuan toirm, agus na huile ni a th’ ann. 12 Bithe an mhachair aoibhneach, agus na huile ni th’ann: ’n sin ni uile chraobhan na caoille gairdeachas ann fianais an Tighearna. 13 Oir tha e teachd, oir tha e teachd thoirt breith air an talamh; agus le fireantachd thoirt breith air an t saoghal, agus air an pobul le fhirinn. Salm xcvii. Dominus regnavit. THA ’n Tighearna na Righ, feudaidh ’n talamh bhi ait; seadh, feudaidh lionmhaireachd nan eilean a bhi ait uime sin. [TD 390] 2 Tha neoil agus dorchadas mu thimchioll; ’s iad fireantachd agus breitheanas ionad-comhnuidh a chathrach. 3 Theid teine roimhe; agus loisgear suas a naimhde air gach taobh. 4 Thug a dhealanach dealra do ’n t saoghal; chunnuic an talamh i, agus bha e fo eagal. 5 Leagh na cnoic mar cheir am fianuis an Tighearna; am fianuis Tighearna an saoghal gu leir. 6 Chuir na neamha an ceill a fhireanteachd; agus chunnaic an sluagh uile a ghloir. 7 Gu ’n robh iadsan uile fo amhla a ni adhradh do Iomhaidhe shnoighte, agus aig am bheil tlachd ann an De diamhain thugaibh adhra dhasan, sibhse nan uile Dhe. 8 Chuala Sion sin, agus rinn i gairdeachas; agus bha nigheana Juda ait, air son do bhreitheanais, O Thighearna. 9 Oir tha thusa, a Thighearna, airde os cionn an talamh uile; tha thu air t’ arducha fada os cionn nan uile Dhe. 10 O sibhse leis an ionmhain an Tighearna, faicibh gu ’m fuathaich sibh an ni tha olc; coimhididh ’n Tighearna anma a naoimh; saoraidh e iad o laimh an ain-diaghidh. 11 Tha solus air eiridh suas do’n fhirean; agus aoibhneas subhach dhoibhsin aig am bheil cridhe treibh-dhireach. 12 Deanaibhse gairdeachas san Tighearna, a fhireana; agus thugaibh buidheachas re cuimhnichean a naomhachd. URNUIGH FHEASGAIR. Salm xcviii. Cantate Domino. O Seinnibh oran nuadh do ’n Tighearn, oir rinn e nithe miorbhuileach. 2 Le laimh dheis, agus le ghairdean naomh; fhuair e dha fein buaidh. 3 Dh’ foillsich an Tighearna a shlainte; nochd e a fhireantachd gu soillear am fianuis nan cinneach. 4 Chuimhnich e a throcair agus fhirinn do thigh Israeil; agus chunnaic uile chriocha an domhan slainte ar Dia-ne. 5 Nochdaibh sibh fein aoibhneach do ’n Tighearna, a dhuchana uile; seinnibh, deanaibh gairdeachas, agus thugaibh buidheachas. [TD 391] 6 Molaibh an Tighearn air a chlarsaich; seinnibh do ’n chlarsaich le salm breith-bhuidheachas. 7 Le trompaide agus saltaire fos; O nochduibh sibh fein aoibhneach ann lathair an Tighearna an righ. 8 Deanadh an cuan farum, agus na h uile ni a th’ ann: an saoghal cruinn, agus iadsan tha chomhnuidh ann. 9 Buaileadh na tuilte am basa, agus bithe na cnoic aoibhneach le cheile am fianais an Tighearna; oir tha e air teachd a thoirt breith air an talamh. 10 Le fireantachd bheir e breith air an t saoghal; agus air an phobul le ceartas. Salm xcix. Dominus regnavit. ’SE ’n Tighearn is righ, cia neo’ thoilichte air bith a bhitheas an pobul; tha e na shuidhe eidir na cheruba, cia neo’ fhoidneach air bith a bhios an talamh? 2 Tha ’n Tighearna mor ann an Sion; agus ard os cionn na huile shluaigh. 3 Bheir iad buidheachas do t ainm; a tha mor, iongantach, agus naomha. 4 ’S ionmhuin le neart an righ breitheanas, dhumhluich thu cothrum; chuir thu ’n gniomh breitheanas, agus fireantachd an Jacob. 5 O arduichibh ’n Tighearna ar Dia; agus tuitibh sios aig stol a choise, oir tha e naomha. 6 Maois agus Aaron a measg a shagarta, agus Samuel a measg a mheud sa ghairmeas air ainm; ghairm iad sin air an Tighearna; agus chual e iad. 7 Labhair e riu as an baideal neoil; oir choimhead a theistis agus an lagh a thug e dhoibh. 8 Chual thu iad, O Thighearn ar Dia; thug thu maitheanas doibh, O Dhe, agus pheanasaich thu nan innleachda. 9 O arduichibh ’n Tighearna ar Dia, agus deanibh adhradh dha air a chnoc naomh; oir tha ’n Tighearna ar Dia naomh. Salm c. Jubilate Deo O Bithibhse aoibhneach san Tighearn, a thiribh uile; deanaibh seirbheis do’n Tighearn le haiteas, agus thigibh a steach na lathair le horan. [TD 392] 2 Bithibh cinnteach gur e ’n Tighearn is Dia; ’s eisin a rinn finn, agus cha sinn fein; ’sinne a shluagh, agus caoirich ionaltraidh. 3 O rachaibh a steach na gheata le breith-buidheachas, agus na chuirtibh le cliu; bithibh taingeil da, agus labhraidh maith mu ainm. 4 Oir tha ’n Tighearna grasmhor, tha throcair siorruidh; agus a fhirin buan o ghinealach gu ghinealach. Salm ci. Miserecordiam & judicium. BIthidh m’ oran air trocair agus breitheanas; dhuitse, O Thighearna, ni mi ceol. 2 O bitheadh tuigse agam; ann an slidhe na diaghachd. 3 C’uin’ a thig thu m’ionnsuidh; gluaisidh mi ann am thigh le cridhe foirfe. 4 Cha ghabh mi ni aingidh o’s laimh; ’s fuathach leam peacana na heas-ionracas; cha lean a leithid sin rium. 5 Triallaidh an cridhe daoirbh uam: ’s cha ghabh mi eolas air duin’ aingidh. 6 Co sam bith bheir toibheum os niosal ga chaoimhearsnach; ni mise a sgrios. 7 Co sam bith aig am bheil sealla uaibhreach agus togradh ard; cha ’n fhuiling mi e. 8 Tha mo shuile a sealltuin air a mheud ’s tha fireanach san tir; chum sgu gabh iad comhnuidh maille rium. 9 Co sam bith a chaitheas a bheatha gu diaghidh; bithidh e na sheirbhaiseach agamsa. 10 Cha ghabh neach cealgach sam bith comhnuidh a’m’ thighse; cha ’n fhuirich an neach a dhinnseas breugan am shealasa. 11 Sgriosaidh mise gu luath na huile ain-diaghaidh a tha san tir; chum sgu ’m spionadh mi iadsan uile ata cuir an gniomh haingeachd o bhaile an Tighearna, [TD 393] URNUIGH MHAIDNE. Latha xx. Salm cii. Domine, exaudi. CLuinn m’urnuidh, O Thighearna; agus thigeadh m’eidheach a’d’ ionnsuidh. 2 Na foluich do ghnuis uam an am mo thrioblaid; aom do chluas rium an nuair a ghairmeas mi, O cluinn mi, agus sin gu fior luath. 3 Oir tha mo laithin air caith as mar dheatach; agus tha ma chnamhan air losga suas mar athainte teine. 4 Tha mo chridhe air a bhuala sios, agus air searga mar fheur; ionnas gun dhearmad mi m’ aran ithe. 5 Air son guth m’osnuich; ’s gann a leanas mo chnamhan ri m’ fheoil. 6 Tha mi mar phelican san fhasach; agus mar an coileach-oiche a th’ ann sa di-threabh. 7 Rinn mi fairc, agus tha mi iodhoin mar ghealbhann; tha suidhe na aonar air mulach an tighe. 8 Tha mo naimhde ga ’m masluchadh re fad an latha; agus iadsan tha caothaich rium, tha iad mionuichte le cheile am aghaidh. 9 Oir dhith mi luaithre mar gum b’aran e; agus mhaisg mi mo dheoch le deoir. 10 Agus sin air son t’fhearg ’s do chorruich; oir thug thu suas mi, agus thilg thu sios mi. 11 Tha mo laithean air teiche as mar sgaile; agus tha mi air searga mar fheur. 12 Ach mairidh tusa, O Thighearn, gu siorruidh; agus do chuimhneachan air feadh na huile ghinealach. 13 Eiridh tu, agus ni thu trocair air Sion; oir tha ’n tam dhuit trocair dheanamh oire, seadh, tha ’n tam air teachd. 14 Agus c’arson? tha do sheirbheisidhe a smuaineach air a clacha; agus ’s truagh leo bhi ga faicin ann san duslach. [TD 394] 15 Bithidh eagal t’ainme air na cinnich, O Thighearna; agus air uile righre an talmhain as do mhorachd. 16 ’Nuair thogas an Tighearna suas Sion; agus an nuair a dh’fhoillsichear a ghloir. 17 ’Nuair a philleas e ri urnuidh an uireasbhuich bhochd; agus nach dean e tair air an iarrtas. 18 Bithidh so air a sgriobhte air son na muintir a thig nan deidh; agus bheir na daoine a bhitheas air am breith moladh do’n Tighearna. 19 Oir sheall e sios o ionad naomh; as na neamha bheachdaich an Tighearna air an talamh. 20 Chum gu ’n cluinneadh e tuireadh na muintir a th’ann am braideanas; agus gu ’n saor e chlann a th’ air an orducha gus bas; 21 Chum gu ’n cuir iad ainm an Tighearna ’n ceill ann an Sion; agus adhra aig Hierusalem; 22 ’Nuair tha ’n pobul air tional ri cheile; agus na righeachda fos gu seirbheis a dheanamh do’n Tighearna. 23 Thug e sios mo neart ann am thuras; agus ghearruich e mo laithean. 24 Ach thuirt mise, O mo Dhia, na toir air falbh mi ann am meadhon m’aoise; air son mo bhliadhnaidh, mairidh iad air feadh na huile ginealach. 25 Leag thusa, Thighearna, an tus bunaite an talmhain; agus s’ iad na neamha obair do lamha. 26 Theid iadsan gu di, ach mairidh tusa; fasaidh iad sean mar aodach; 27 Agus mar bhrat ni thu ’n caochla; agus caochlar iad; ach ’s tus’ an neach ceudna, agus cha ’n fhailnich do bhliadhnaidh, 28 Buanuichuidh clann do sheirbheisiche; agus seasaidh ’n sliochd daingean ann a’d’ shealla. Salm ciii. Benedic, anima mea. MOL’ an Tighearna, O m’ anam; agus mola’ gach ni tha ’n taobh stigh dhiom a ainm naomha. 2 Mol’ an Tighearn, O m’ anam; agus na di chuimhnich a thiolaca uile; 3 ’N ti a mhaitheas duit do pheaca’ uile; agus a shlanuicheas t’an-mhuinneachda gu leir; [TD 395] 4 ’N ti thearnas do bheatha o dhoruin; agus tha do chrunadh le trocair agus caoimhneas gradhach, 5 ’N ti shasuicheas do bheul le nithe maithe; ga d’ dheanamh og agus sultmhar mar iolair. 6 Tha ’n Tighearna cuir an gniomh fireantachd agus breitheanas; air an sonsan uile th’ air am for-eigne le hea-coir. 7 Dh’ fhoillsich e shlithibh do Mhaois; ’s oibre do chlainn Israeil. 8 Tha ’n Tighearna lan iochd agus trocair: fad-fhulangach agus mor ann am maitheas. 9 Cha bhi e ’n comhnuidh ri tagra; ni mo a ghleidheas e fhearg gu brath. 10 Cha do rinn e oirn a reir ar peacana; ’s cha tug e duais duinn a reir ar naingeachda. 11 Oir seall cia arda na neamha an coimeas ris an talamh; ’s co mhor tha throcair dhoibhsin air am bi eagal roimhe. 12 Seall fos cia farsaing tha ’n airde n’ear o ’n aird an iar; s co fhad a chuir e ar peacana uainn. 13 Seadh, mar ghabhas athair truas ri chlainn fein; iodhoin mar sin tha ’n Tighearna trocaireach dhoibhsin air am bheil eagal. 14 Oir s aithne dha co dheth a rinne sinn: is cuimhne leis nach ’eil annain ach duslach. 15 Cha ’n’eil laithean duine ach mar fheur; oir tha e teachd fo bhlath mar luidh na machrach. 16 Oir cha luath sa theid a ghaoth thairis air, tha e air falbh; agus cha ’n aithne d’a aite e ni smo. 17 Ach mairidh maitheas trocaireach an Tighearna re saoghal nan saoghal, orrasan air am bheil eagal; agus a fhireantachd air clann an cloinne. 18 Iodhoin air a mheud sa choimhdeas a chumhnanta; ’s a smuainaicheas air aitheanta chum an deanamh. 16 Dhumhluich an Tighearna a chathair, ann an neamh; agus tha righeachd a riaghla thar gach uile. 20 O molaibh an Tighearna, sibhse aingle a ’s leis fein; sibhse aig am bheil barrachd ann an neart; sibhs tha coimhliana aitheana agus tha ’g eisteachd ri guth a bhriathra. 21 O molaibh an Tighearna, sibhse a shloidh uile; sibhse a sheirbheisiche tha deanamh a thoil. 22 O labhraibh maith mu’n Tighearna, gach uil’ oibre as leis, ann an ionada a Thighearnais uile; mol’ thusa an Tighearna, O m’anam. [TD 396] URNUIGH FHEASCAIR. Salm civ. Benedic, anima mea. MOL’ an Tighearna, O m’anam; O Thighearna mo Dhia, tha thu anabarach ghlormhor, tha thu air do sgeuducha le morachd agus onair 2 Tha thu gad’ uimeacha fein le solus mar gu’m b’ann le trusgan; agus a sgaoile mach na neamha mar chuirtein. 3 ’N ti a leag sailthean a sheomra ann sna huisgeacha; agus a deanamh charbada do na neoil, agus ag imeachd air sgiatha na gaoithe. 4 Tha e deanamh aingle nan spiorada; agus a mhinistaire nan teine lasara. 5 Leag e bunaite an talmhain; chum nach gluais e am sam bith. 6 Chomhduich thu e leis an doimhneachd mar ga b’ann le haodach; sheas na huisgeacha air an beanntain. 7 Le tachdmhasan teichidh iad; aig guth do thairneanich tha iad fo eagal. 8 Tha iad a dol suas cho arda ris na cnoic, agus sios, do na glinn gu hiosal: iodhoin gus an aite a dhorduich thu dhoibh. 9 Shuidhich thu ’n criocha nach racha iad tharta; ni mo a philleadh iad air ais a dh’fholach na talmhain. 10 Tha e cuir nan sruthan a chum nan aibhnichean; tha ruidh a measg nam beann. 11 Oluidh uile bheathaiche na machrach dhich; agus caisgidh na h’asail fhiadhaich an iota. 12 Laimh riu bi ’n aiteacha tamh aig eanlaith an adhair; agus ni iad ceol a measg nan geuga. 13 Tha e ’guisgeacha na ’m beannta o ’n airde; tha ’n talamh air a lionadh le toradh toibre. 14 Tha e toirt amach feoir air son na spreidhe; agus luidh uaine air son feum dhaoine. 15 Chum gu ’n toir e lon as an talamh, agus fion a ni ait cridhe an duine; agus ola a ni a ghnuis suilbheir, agus aran a neartucha cridhe an duine. 16 Tha craobhan an Tighearna fos lan bri; iodhoin sedair Libanus a rinn e shuidheacha: [TD 397] 17 Ann san ni na heoin an nid; agus tha na craobhan giumhais na ’n aite tamh do’n storc. 18 Tha na cnoic arda nan tearmunn do na gobhair fhiadhaich; agus mar sin tha na creaga’ clachiach air son nan coinain. 19 Dhorduich e ghealach air son amana sonruichte; agus ’s aithne do’n ghrein a dol fuatha. 20 Ni thu dorchadas chum ’s gur oiche e; ann san gluais uile bheathaiche an di-threabh. 21 Na leomhain a beuchach an deidh a cobhartaich; tha iad g’ iarruidh am bithe o Dhia. 22 Eiridh ghrian, agus theid iad air falbh le cheile; agus laidhidh iad sios na garidh. 23 Theid duine amach gu obair, agus gu shaothair; gus an tig am feasgar. 24 O Thighearna, cia lionmhar toibre; ann an gliocas rinn thu iad uile, tha ’n talamh lan do’d shaoibhreas. 25 Mar sin tha an cuan mor agus farsuing mar an ceudna; ann sam bheil nithe a snaga gun aireamh, araon beathaiche beag agus mora. 26 ’N sin tha na loingeas a siubhal, agus an sin tha n lebhiatan sin; a rinn thu gu t’ugradh ann. 27 Tha iad fin uile a’ feithe ort; chum gu ’n toir thu biadh dhoibh na am iomchuidh fein. 28 ’Nuair a bheir thu dhoibh e, tionalaidh iad e: agus ’nuair a dh’fhosglas tu do lamh, tha iad air an liona’ le maith. 29 ’Nuair a folucheas tu t’aghaidh; tha iad fo thrioblaid; ’nuair bheir thu air falbh an anail, gheibh iad bas, agus tha iad air am pille air ais chum an duslach fein. 30 ’Nuair a leigeas tu dod’ spiorad dol amach, bithidh iad air an cruthachadh; agus ath-nuadhichidh tu aghaidh an talmhain. 31 Mairidh morachd ghlormhor an Tighearna gu brath; ni ’n Tighearna gairdeachas na oibre. 32 Criothnuichidh ’n talamh ma sealleas e urra; ma ni e ach beantain ris na cnoic, theid deathach uatha. 33 Seinnidh mi do’n Tighearna cho fhad sa ’s beo mi; molaidh mi mo Dhia m’ feadh sa bhios bith agam. 34 Agus mar sin toillichidh m’ fhocail e; bithidh m’ aoibhneas san Tighearna. 35 Air son pheacaire, bithidh iad air an caithe as an talamh, agus thig an tain-diaghidh gu crich, mol’ thusa an Tighearn, O m’anam, mol’ an Tighearna. [TD 398] URNUIGH MHAIDNE Latha xxi. Salm cv: Confitemini Domino. O Thugaibh buidheachas do’n Tighearna, agus gairmaibh air a ainm; innsibh do’n tsluagh ciod na nithe a rinn e. 2 O bitheadh ’ur n orain air, agus molaibh e; agus bitheadh ’ur cainnt air uile a oibre iongantach. 3 Deanaibh gairdeachas na ainm naomha; deanadh an cridhe-sa gairdeachas tha ’g iarruidh ’n Tighearna. 4 Iarruibh n Tighearn agus a neart; iarruibh aghaidh gu brath. 5 Cuimhnuichibh na hoibre miorbhaileach a rinn e; a iongantais, agus breitheanais a bheoil. 6 O sibhse shliochd Abraham a sheirbhaisiche; sibhse a chlann Jacob a mhuintir thaghta. 7 ’Se an Tighearna ar Dia; tha bhreitheanais ann san domhan uile. 8 Bha e do ghna cuimhneachail air a chumhnanta ’s a ghealla; a rinn e do mhile ginealeach. 9 Iodhoin an cumhnanta rinn e ri Abraham; agus a mhoid a mhionaich e do Isaac. 10 Agus dhorduich e an ni ceudna do Jacob mar lagh; agus do Israeil mar theisteas fiorruidh. 11 Ag radh, dhuitsa bheir mi tir Chanaan; cranchar ’ur n oighreachd. 12 Nuair nach robh iad fathast ach nam buidhinn bheag; agus iad nan coigrich san tir, 13 Ciod an tam a chaidh iad o aon chinneach gu cinneach eile; o aon righeachd gu pobul eile. 14 Cha leig e do dhuine sam bith cron a dheanamh dhoibh; ach thug e achdmhasan do righre air an sgath. 15 Na beanaibh ri m ungaichte; agus na deanaibh dochan sam bith dom’ fhaidhean. [TD 399] 16 Osbar, gairm e gainne air an tir; agus sgrios e ui e lón an arain. 17 Ach chuir e duine rompa; iodhoin Joseph, neach a chaidh reice gu bhi na thrailt. 18 Dhochain iad a chasan san chas-cheap; chaidh n t’iarann a steach na anam. 19 Gus an tainig an tam san d’ fhiosruchadh a chus; dh’ earbh focal an Tighearna e. 20 Chuir an righ aithne, agus dh’ fhuasgail e air; leag prionsa an tsluaigh leis dol as saor. 21 Rinn e na uachdran fos air a thigh e; agus na fhear riaghailt air a mhaoin uile. 22 Chum eolas a thoirt da phrionsuidh a reir a thoil; agus a theagasg d’a sheanaire gliocas. 23 Thainig Israeil fos do’n Eiphte; agus bha Jacob na choigrich an tir Ham. 24 Agus chuir e ’n lionmhoireachd a phobull gu ro mhor; agus rinn e iad ni bu treise na an naimhde. 25 Dream aig an ronh an cridhe air thionda ’s gun tug iad fuath ga pobull; agus gu ’n bhuin iad gu mealtach ri sheirbheisiche. 26 ’N sin chuir e uaithe Maois a sheirbheiseach; agus Aron, an neach a roghnuich e. 27 Agus dh’ fhoillsaich iad sin a chomharadh na measg; agus iongantais ann an tir Ham. 28 Chuir e mach dorchadas, agus bha dorchadas ann; agus cha robh iad umhal da fhocal. 29 Thionda e ’n uisgeacha gu fuil; agus mharbh e ’n iasg. 30 Thug an tir amach losgain; seadh, ann an seomruiche an righre. 31 Labhair e ’m focal, agus thainig gach gne chuileaga; agus miala nan criocha uile; 32 Thug e dhoibh clacha meallain air son uisge; agus lasruiche teine nan tir. 33 Bhuail e ’m fineamhuine fos agus an crainn fhige; agus mhilleadh na craobhan a bha nan criocha. 34 Labhair e ’m focal agus thainig na fionnan fheoir, agus cateirpillair gun aireamh; agus dhithe iad suas am feur uile a bha nan tir, agus mhilleadh iad meas an fcarann. 35 Bhuail e gach ceud-ghin a bha nan tir; iodhoin toiseach an neart gu leir. [TD 400] 36 Thug e mach iad fos le or agus airgid; cha robh neach anmhunn a measg an treabha. 37 Bha n’ Eiphte ait nuair theich iad; oir bha eagal orra rompa. 38 Sgaoil e mach neul gu bhi na chomhducha; agus teine a thoirt solus an am na hoiche. 39 Air an iarrtas thug e dhoibh geara-goirt; agus lion e iad le aran neamha. 40 Dh’fhosgail e an charruig chloiche, agus shruth an tuisge mach; ionas gun ruith aibhnichean ann s’na haiteacha tioram: 41 Agus c’arson? oir do chuimhnuich e ghealla naomha; agus Abraham a sheirbhaisich. 42 Agus thug e mach a phobull le haoibhneas; agus a mhuintir thaghta le haiteas. 43 Agus thug e dhoibh fearann nan cinneach; agus ghabh iad mar oighreachd saothair an tsluaigh. 44 Chum gu n coimhdeadh iad a statuis; agus gu ’n tuga’ iad aire da reachdaibh. URNUIGH FHEASGAIR. Salm cvi. Confitemini omino. O Thugaibh buidheachas do ’n Tighearna: oir tha e grasmhor; agus maireadh a throcair gu siorruidh. 2 Co dh’fheudas gniomhara uasal an Tighearna a labhairt; no a mhola’ gu leir a fhoillseacha amach. 3 ’Sbeannuichte iad a choimhdeas breitheanas an comhnuidh; agus a ni fireantachd. 4 Cuimhnuich orm, O Thighearna, areir an deidh-ghean a tha ’gad do d’ phobull, O fiosruich mi led’ shlainte. 5 Chum gum faic mi sonas do mhuintir taghta; agus gu ’n dean mi gairdeachas ann an aoibhneas do phobull, ’s gus gu ’n toir mi buidheachas maile ri t’oighreachd. 6 Pheacuich sinne le’r naithriche: rinn sinn an eacoir, agus bhuin sinn gu haingidh. 7 Cha d’thug ar n’ aithriche fanear do tiongantais san Eiphte, ni mo ghleidh iad do mhor mhaitheas air chuimhne: ach bha iad eas-umhal aig an fhairge. iodhoin aig an fhairge ruaidh. [TD 401] 8 Gidheadh, chuidich e iad air sgath ainme; chum gu m’feudadh e a chumhachd a chuir ann ceil. 9 Chronuich e fos an fhairge ruadh, agus thiormuich e suas i; mar sin threoruich e iad tre ’n doimhneachd, mar tre ’n fhasaich. 10 Agus shaor e iad o lamh an eascairde; agus thearuin e iad o laimh an namhad. 11 Air son na muintir ud chuir trioblaid orra, bhath na h-uisgeacha iad; ’s cha d’ fhaga aon diu 12 ’N sin chreid iad a fhocail; agus sheinn iad mola’ dha. 13 Ach an deigh tamuil dhi-chuimhnich iad a oibre; agus cha d’fhuirigh iad ri chomhairle. 14 Ach thainig an miann orra san fhasach; agus bhuair iad Dia san di-threabh. 15 Agus thug e dhoibh am miann; agus chuir e caoile mar an ceudna nan anma. 16 Chuir iad corruich air Maois fos ann sna pailleana; agus air Aron naomh an Tighearna. 17 Mar fin dh’fhosgail an talamh, agus shluig e Datan suas; agus dh’fholuich e cothional Abiram. 18 Agus las an teine nan cuideachd; loisg an lasair suas na hain-diaghaidh. 19 Rinn iad laogh ann an Horeb; agus rinn iad adhradh do ’n iomhaidh leaghta. 20 Mar so chaochal iad an gloir; gu coslas laoidh a dhitheas saoidh. 21 Agus dhearmaid iad Dia an Slanui-fhear; a rinn nithe cho mhor san Eiphte. 22 Oibre iongantach ann an tir Ham; agus nithe eagalach ri taobh na fairge ruaidhe. 23 Mar sin thuirt e, gu sgriosaidh e iad, mur seasadh Maois aon thaghta roimh sa bhearn; chum a chorruich fheargach a phille air falbh, ’n teagal gu ’n deana e iad a sgrios. 24 Seadh, rinn iad fanoid mu’n tir thaitneach sin; agus cha d’tug iad creideas da fhocal. 25 Ach rinn iad monmhur na m paillaine: agus cha d’ eisd iad ri guth an Tighearna. 26 ’N sin thog e suas a lamh nan aghaidh; gu ’n iad a sgriosadh san fhasach. 27 A thilge mach an sliochd ameasg nan cinneach; agus gu ’n sgapa ann s na thiribh. [TD 402] 28 Ceangail iad iad-fein ri Baal-peor; agus dhith iad iobairtean nam marbh. 29 Mar so bhrosnuich iad e gu corruich le ’n innleachdan fein; agus bha ’n phlaigh mor nam measg. 30 ’N sin sheas Phineas suas agus rinn e urnuidh; agus mar sin sguir a phlaigh. 31 Agus bha sin air a mheas dha mar fhireantachd; air feadh gach uile linne gu brath. 32 Chuir iad fearg air fos aig uisgeacha na stri; ionnas gu ’n d rinn e peanas air Maois air an sga’; 33 Cheann gun do bhrosnuich iad a spiorad; ionnas gun labhair e gu hath-ghairid le bhile. 34 Ni mo a sgrios iad na cinnich; mar d’ aithn an Tighearna dhoibh. 35 Ach bha iad air a measga air-feadh nan cinnich; agus dh’fhoghlaim iad an oibre. 36 Ann a mheud s gu ’n tug iad adhradh da ’n iodhala, a phill gu’n caithe fein; seadh, dh’ iobair iad a mic agus a nigheana do dheamhna. 37 Agus dhoirt iad fuil neo-chiontaich, iodhoin fuil a mic agus a nighean; a dh’iobair iad do iodhala Chanan, agns bha ’n tir air a salacha le fuil. 38 Mar so bha iad air an truaille le n’ oibre fein; agus chaidh iad air striopachas le ’n innleachda fein. 39 Uime sin las corruich an Tighearna an aghaidh a phobul; ionnas gun ghabh e grain r’a oighreachd fein. 40 Agus thug e thairis iad an laimh nan cinneach: agus bha mhuintir thug fuath dhoibh, nan tighearna thairis orra. 41 Rinn an naimhde am foirgne; agus bha iad nan uachdarain orra. 42 ’Sioma’ uair a shaor e iad; ach rinn iad ceannairc na aghaidh le ’n innleachda fein: agus thuga’ sios nan aingeachd iad. 43 Gidheadh, ’nuair chunnaic e an airc; chual e ’n gearan. 44 Chuimhnich e air a chumhnanta, agus ghabh e truaghas dhiu, areir lionmhoireachd a throcaire; seadh, thug orrasan uile thug am braighdeanas iad, truaghas a ghabhail riu. 45 Saor sinn, O Thighearna ar Dia, agus tional sinn a measg nan cinneach; chum gu ’n toir sinn taing d’a tainm naomh s gu ’n dean sinn arn’uaill as do mholadh. [TD 403] 46 Beannuichte gu ’n robh Tighearna Dia Israeil o bhi-bhuantachd, agus saoghal gun chrich: agus abradh an pobull uile, Amen. URNUIGH MHAIDNE. Latha xxii. Salm cvii. Confitemini Domino, O thugaibh taing do ’n Tighearna, oir tha e grasmhor; agus mairidh a throcair gu fiorruidh. 2 Thugeadh a mhuintir taing do’n Tighearn a shaor e; agus a do’fhuasgail e o laimh an namhad. 3 Agus a thionail e as na thiribh, o’naird an ear, agus o’n aird an iar; o’n airde tuath, agus deas. 4 Chaidh iad air seachran as an tslighe ann san fhasach; agus cha d’ fhuair iad baile gu comhnuicha ann; 5 Ocrach agus iotmhor; dh’fhannaich an anma annta. 6 Mar sin ghlaodh iad ris an Tighearna na ’n trioblaid; agus dh’fhuasgail e iad o’n teann eigin. 7 Threoruich e iad amach air an tslighe cheart; chum gu ’n racha iad dhionnsaidh a bhaile sna ghabh iad comhnuidh. 8 O gu ’n tuga’ daoine mola’ do’ n Tighearna air son a mhaitheis; agus gu’n cuiridh iad an ceill na hiongantais tha e deanamh air son clainn nan daoine? 9 Oir sasuichidh e ’n tanam falamh; agus lionadh e ’n tanam ocrach le maitheas; 10 Mheud ’s tha suidhe ’n dorchadas, agus an sgaile bhais; air bhith dhoibh ceangailt gu teann an truaghe, agus an iarunn. 11 Cheann gun d’ rinn iad ceannairc an aghaidh briathra an Tighearna; agus gun chuir iad an neo-brigh comhairle an ti ’s airde. 12 Thug e sios an cridheacha fos le tuirsadh: thuit iad sios, agus cha robh aon neach a dheana cobhair orra. 13 Mar sin ’nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna na ’n trioblaid: dh’fhuasgail e orra as an teann eigin. [TD 404] 14 Oir thug e iad a dorchadas, agus a sgaile a bhais; agus bhris ’n cuibhriche na ’m bloide. 15 O gu mola’ daoine uime sin an Tighearna air son a mhaitheas; agus gu ’n cuireadh iad an ceill na hiongantais tha e deanamh do chlainn nan daoine! 16 Oir bhrist e na geatacha prais; agus bhuail e na croinn iaruinn na ’m bloide. 17 Tha na hamadain air an sgiursa air-son nan peacadh; agus air son an aingeachd. 18 Ghabh an anma fuath da gach gne bhith; agus s’ beag nach robh iad iodhoin aig dorus a bhais 19 Mar sin ’nuair a ghlaodh iad ris an Tighearn na ’n trioblaid; dh’fhuasgail e orra as an teann-eigin. 20 Chuir e mach a fhocal, agus leighis e iad; agus shabhala iad o an doruinn. 21 O gu mola’ daoine an Tighearna air son a mhaitheis; agus gu ’n cuiridh iad an ceill na hiongantais tha e deanamh do chlainn nan daoine! 22 Gu’n tairge iad dha iobairt breith-bhuidheachas; agus gu’n innse iad amach a oibre le haoibhneas! 23 A mhuintir theid fios do’n chuan ann an loingeas; agus tha cuir an gniomh an gnothaiche ann s na huisge mora. 24 Tha iad a sin a faicin oibre an Tighearna; agus iongantais san doimhneachd. 25 Oir le ghuth eiridh a ghaoth stoirmeil; a thogas suas a thonna. 26 Tha iad air an giulan suas gu neamha, agus sios aris do’n doimhneachd; tha ’nanma a leatha as leis an trioblaid. 27 Tha iad air an luasgadh thuig agus uaithe, agus ’ag tuislidh mar dhuine misgeach; agus tha iad aig ceann an ceill. 28 Mar sin ’nuair a ghlaodhas iad ris an Tighearna nan trioclaid; saoraidh e iad as an teann eigin. 29 Oir bheir e air an dointhion sgur; ionnas gum bheil a tonna samhach. 30 ’N sin tha iad ait, cheann gu’m bheil iad aig fois; agus mar sin bheir e iad do’n chala gus ’am b’ aill leo dol. 31 O gu mola’ daoine uime sin an Tighearna air son a mhaitheas; agus gu’n cuiridh iad an ceill na hiongantais tha e deanamh do chlainn nan daoine! 32 Gu ’n arduiche iad e fos ann co-thional an pobull; agus gu moladh iad e ann an cathair nan seanaire! [TD 405] 33 ’N ti thiondas na tuilte gu fasach; agus a thirmicheas suas na tobair uisge. 34 Tir thorach ni e neo-thorach; air son aingeachd na muintir tha chomhnuidh innte. 35 A ris, ni e m fasaich na uisge tamha; agus tobruiche uisge nan talamh tirim. 36 Agus ann an sin cuiridh e na mhuintir tha ocrach; chum gun tog iad baile gu comhnucha ann. 37 Chum gu ’n cuir iad am fearan, agus gu ’n suidhich iad garachan fiona; a thoirt doibh tora’ chum fas. 38 Tha e gam beannucha, ionnas gu fas iad gu hanabarach lionmhar; agus cha leig e do’n spreidh fas tearc. 39 Agus a ris, ’nuair tha iad air laghducha agus air an toirt iosal; tre fhoir-eigne, tre phlaigh na trioblaid sambith. 40 Ged cheaduich e dhoibh bhi air an sarughadh tre ain-tighearnan; agus ge do leige dhoibh dol air anra’ as an tslighe san fhasach: 41 Gidheadh cuidichidh e ’m bochd as a thruaighe; agus ni e dha teaghlach mar thread chaorach. 42 Beachduichidh ’m sirean air a so agus ni e gairdeachas; agus bithidh beul na haingeachd uile air a dhruide 43 Co air bith tha glic bheir e fanear na nithe sin; agus tuigidh iad caoimhneas gradhach an Tighearna. URNUIGH FHEASGAIR. Salm cviii. Paratum cor meum. O Dhe, tha mo chridhe gleast’, tha mo chridhe gleast’; ni mi ceol agus bheir mi mola leis a bhall a ’s fhear a th’ agam. 2 Mosguil thus a chruit agus a chlarsaich; ’s mosgluidh mi fein gu fior mhoch. 3 Bheir mi dhuit buidheachas, O Thighearna, ’measg an pobull; seinnidh mi mola’ dhuit ameasg nan cinneach. 4 Oir tha do throcair ni smo na na neamha; agus ruigidh tfhirinn an neoil. 5 Cuir suas thu fein, O Dhe, os cionn na neamha; agus do ghloir os cionn an talmhain gu leir. [TD 406] 6 Chum gu ’m bi do mhuintir ionmhuin air am fuasgla’; teasraige do lamh dheas iad, agus cluinn thusa mi. 7 Labhair Dia na naomhachd; ni mi gairdeachas uime sin, agus roinnidh mi Shechem, agus toimhsidh mi mach gleann Sucot; 8 ’S leam Gilead, agus ’s leam Manaseh; se Ephraim fos neart mo chinn. 9 ’S e Juda m’ fhear tabhairt lagha, se Moab mo phoit ionlaid; tilgidh mi mo bhrog thar Edom; air Philistia bheir mi buaidh. 10 Co a threoricheas mi do ’n bhaile laidir; agus co bheir mi gu Edom? 11 Nach do threig thu finn, O Dhe; agus nach teid thu mach, O Dhe, le’r ’n armailte? 12 O dean cuideacha linn an aghaidh an namhad; oir ’s diamhain comhnadh duine. 13 Tre Dhia ni sinn gniomhara mora; agus ’s e a shaltras sios ar naimhde. Salm cix. Deus laudam. NA bi a’d’ thosd, O Dhia mo mhola’; oir tha beul an ain-diaghaidh, seadh, tha beul an duine chealgaich fosgailt air mo thi. 2 Agus labhair iad rium le teangana breugach: chuartuich iad mi fos m’an cuairt le briathra fuath, agus chog iad am aghaidh gun aobhar. 3 Air son a ghraidh a bh’ agam dhoibh, feuch, tha iad a nis a gabhail pairt am aghaidh: ach bheir mise mi fein gu h-urnuidh. 4 Mar so dhioc iad olc dhomh air son maith; agus fuath air son deagh-ghean. 5 Cuir thusa duine ain-diaghaidh na uachdran os a chionn; agus seaseamh Satan aig a laimh dheis. 6 ’Nuair bheirear binne air, bithe e air a dhite; agus pille a urnuidh gu peaca. 7 Bitheadh a laithean tearc; agus glacadh neach eile a dhreachd. 8 Bitheadh a chlann nan dileachdain; agus a bhean na bantraich. 9 Bitheadh a chlann nam fogaruich, agus ag iarruidh an arain; iarreadh iad e fos a ionada fas. [TD 407] 10 Caitheadh am fear foir-eigneadh na huile ni a th’aige; agus creacha an coigreach a shaothair. 11 Na bitheadh duine ann a ghabhas truaghas ris; na ni iochd ri chlann gun athair. 12 Bitheadh a shliochd air an sgrios; agus ann san ath linne bitheadh a ainm gu glan air a dhutha amach. 13 Bitheadh aingeachd aithriche air chuimhne an sealla an Tighearna; agus na bitheadh peaca a mhathar air a chuir as. 14 Bitheadh iad a ghna am fianais an Tighearna; chum gun shion e mach an cuimhneachan o’n talamh. 15 Agus sin a cheann nach robh nan intinn maith a dheanamh; ach a ruga’ an duine bhochd gun chobhair, chum eisean a mharbha a bha air a chradh aig a chridhe 16 Bha thlachd ann a mallucha, agus tarlaidh e dha; cha do ghradhaich e beannucha, uime sin bithidh e fada uaithe. 17 Dh’eudich e e fein le mallucha, mar le falluing; agus thig e steach na innidh mar uisge, agus mar ola na chnamha. 18 Bithe e dha mar an cleoca a chuir e uime; agus mar an crios leis am bheil e a ghna air a chriosracha! 19 Tarla’ mar so dom’ naimhde o ’n Tighearna; agus do ’n mhuintir ud tha labhart gu holc an aghaidh m’anam. 20 Ach buin thusa rium, O Thighearna Dhia, a reir tainme fein; oir ’s milis do throcair. 21 O fuasgail orm, oir tha mi bochd agus gun chobhair; agus tha mo chridhe air a liona an taobh a stigh dhiom. 22 Tha mi dol as mar an sgaile a shiubhleas, agus tha mi air m’fhogradh air falbh mar am fionan-feoir. 23 Tha mo ghluine lag tre throsga; tha m’ fheoil air tir mcacha suas a dhiobhail saill. 24 Bha mi na cuis focaid dhoibh mar an ceudna; a mhuin tir a dhamhairc orm chradh iad an cinn. 25 Dean cobhair orm, O Thighearna mo Dhia; O teasairg mi a reir do throcair. 26 Agus bithidh fios aca, cinnas a si so do lamh; agus gur tusa an Tighearna, a rinn e. 27 Ged’ mhalluieh iadsan, gidheadh beannuich thusa; agus bitheadh iad air an claoidh, tha ’g eiridh suas am aghaidh; ach deanadh do sheirbhaiseach gairdeachas. 28 Bitheadh m’eascairde air an euducha le naire; agus sgeu duiche iad iad fein le ’n amhla’ mar le cleoca. 29 Air mo shonsa, bheir mi taing mhor do’n Tighearna lem’ bheul; agus molaidh mi e a measg a mhor fluadh. [TD 408] 30 Oir seasaidh e aig laimh dheas an duine bhochd; a thearnadh an anma bhreitheana eacorach. URNUIGH MHAIDNE. Latha xxiii. Salm cx. Dixit Dominus. THuirt an Tighearn ri m’ Thighearna; suidhse air mo laimh dheis, gus an dean mi do naimhde nan stol coise dhuit. 2 Cuiridh ’n Tighearna slat do chumhachd amach a Sion; bithidh tus a’d’ riaghluighear iodhoin am mheadhon do naimhde. 3 Ann an latha do chumhachd tairgidh ’n sluagh dhuit tabhartais saor-thoileach maille ri adhradh naomha; tha druchd do bhreith o bholg na maidne. 4 Mhionuich an Tighearn, agus cha ghabh e aithreachas; s gur sagart thu gu siorruidh a reir ordu’ Mhelchisedec. 5 ’N Tighearn air do laimh dheis; lotaidh e iodhoin righre ann an latha fheirge. 6 Bheir e breith a measg nan cinneach, lionaidh e na haiteacha leis na cuirp mharbh; agus brisidh e nam bloide na cinn thair ioma’ thiribh. 7 Olaidh e as an abhuin ann san tslighe; uime sin tugaidh e suas a cheann. Salm cxi. Confitebor tibi. BHEIR mi taing do ’n Tighearna le m’ uile chridhe; gu huaigneach a measg nan fireanach, agus ann sa choithional. 2 Tha oibre an Tighearna mor; air an iarruidh mach leis uile aig am bheil tlachd annta. 3 S fiu oibre a bhi air a moladh agus a bhi ann an onair; agus mairidh a throcair gu fiorruidh. [TD 409] 4 Rinn an Tighearna trocaireach agus grasmhor oibre miorbhuileach air chor; ’s gur coir dhoibh bhi air chuimhne. 5 Thug e biadh dhoibhfin air am bheil eagalsan, bithidh e chaoidh cuimhneachail air a choi’ cheangal. 6 Dh’fhoillsich e da phobul cumhachd oibre; chum gu ’n toir e dhoibh oighreachd nan cinneach. 7 ’S iad firinn agus breitheanas oibre a lamha; tha aitheanta uile fior. 8 Tha iad a seasamh daingean a chaoi’ nan cian; agus deanta ann am firinn agus an cothrum. 9 Chuir e saorsa chum a phobul; dh’aithn e choi’cheangal gu brath; ’s naomh agus is urramach a ainm. 10 Se toiseach a ghliocais eagal an Tighearna; tha deadh thuigs acasan uile tha deanamh da reir; mairidh a mhola’ am feast. Salm cxii. Beatus vir. ’SBeannuicht an duine air am bheil eagal an Tighearna; tha mor thlachd aige na aitheanta. 2 Bithidh a shliochd trein air thalamh: bitheadh ginealach an fhirinn beannuichte. 3 Bithidh saibhreas agus pailteas na thigh; agus mairidh a fhireantachd am feast. 4 Do’n duine dhiadhaidh eiridh solus suas ann san dorchadas; tha e trocaireach, gradhach, agus cothrumach. 5 Tha deadh dhuine trocaireach, agus coingheallach; agus stiuraidh e fhocail le ceill. 6 Oir cha ghluaisear am feast e; agus Bithidh am sirinn ann an cuimhne siorruidh. 7 Cha bhi eagal air n droch theachdaireachd sam bith; oir tha chridhe seasamh daingean, agus a creidsin san Tighearn. 8 Tha chridhe suighte, agus cha ghlidich e; gus am faic e mhiann air a naimhde. 9 Sgaoil e am fad, agus thug e do’n bhochd; agus buainichidh fhireantachd gu brath, bithidh adharc air a harducha le onair 10 Chi an tain-diaghidh e, agus ni e doileasach e; casaidh e fhiacla, agus caithidh e as; theid miann an ain-diaghaidh a mudha. [TD 410] Salm cxiii. Laudate, pueri. MOlaibhse an Tighearna, a sheirbheisiche; O molaibh ainm an Tighearna. 2 Beannuichte gu ’n robh ainm an Tighearna; o’n am so mach gu siorruidh. 3 Tha ainm an Tighearn air a mhola’; o eiridh na greine, gu a dhol fhodha, 4 Tha ’n Tighearn ard os cionn uile chinneacha: agus a ghloir os cionn na neamha. 5 Co tha cosmhuil ris an Tighearn ar Dia, aig am bheil a chomhnuidh co ard; agus gidheadh tha ga isleacha fein a dh’ fhaicin na nithe a tha air neamh agus air thalamh? 6 Togaidh e ’n simpli suas as an duslach; agus togaidh e ’m bochd as an otrach. 7 Chum a chuir na shuidhe le prionnsaibh; iodhoin le prionnsucha an pobuill. 8 Tha e toirt air a mhnaoi aimrid tigh a chumail; agus a bhi na mathair aoibhin clainne. URNUIGH FHEASGAIR. Salm cxiv. In exitu Israel. NUair thainig Israeil as an Eiphte; agus tigh Jacob a measg a phobuill choimheach. 2 B’e Juda a ionad naom ha; agus Israeil a Thighearnas. 3 Chunnaic an cuan sin, agus theich e; bha Jordan air iomain air ais. 4 Chlisg na beannta mar reitheachan; agus na tulaich bheaga mar chaoirich oga 5 Ciod a thainig ort, O thus’ a chuain, gun a theich thu; agus thusa Jordain, gu ’n d’iomaine thu air hais. 6 Sibhse bheannta, gu ’n do chlisg sibh mar reitheachan; agus sibhse a thulaiche bheaga mar chaorich oga? 7 Crithich, thus a thalamh, am sianuis an Tighearn; am fianuis Dia Jacob. 8 A thionda a charraig chruaidh gu uisge tamha; agus a chruaidh-chlach gu tobair sruthanach. [TD 411] Salm cxv. Non nobis, Domine. CHA ’n ann duinne, O Thighearna, cha ’n ann duinne, ach do tainmse thuga mola’; air sga do throcair ghradhaich, agus tfhirinn. 2 C’arson a their na cinnich; c’aite anis am bheil an Dia? 3 Air son ar Diane, tha e air neamh; rinn e ciod sam bith bu toil leis. 4 ’S or agus airgid an idhola’; iodhoin obair lamha dhaoine. 5 Tha beoil aca, agus cha labhair iad; tha suile aca, agus cha ’n fhaic iad. 6 Tha cluasan aca, agus cha chluinn iad; tha sroine aca, agus cha ’n ’eil bola’ annta. 7 Tha lamha aca, agus cha laimhsich iad; tha casan aca, agus cha ghluais iad; ni mo a labhras iad roimh ’n sgornan. 8 Tha iadsan ni iad cosmhuil riu fein; agus mar sin tha gach uile neach a chuireas an dochas annta. 9 Ach cuir thusa, a thigh Ifraeil do dhochas san Tighearn; se is cuidich agus is tearna dhoibh. 10 Sibhse thigh Aroin, cuiribh ar dochas san Tighearna; se is fear cuidich agus is fear tearnuidh dhoibh. 11 Sibhse air am bheil eagal an Tighearna, cuiribh ’ur dochas ann; ’s e is fear cuidich agus fear tearnuidh dhoibh. 12 Bha an Tighearna cuimhneachail oirn, agus ni e ar beannucha; iodhoin beannuichidh e tigh Israeil, beannuichidh e tigh Aroin. 13 Beannuichidh e iadsan air am bheil eagal an Tighearna; araon beag agus mor. 14 Meaduichidh ’n Tighearna sibh ni smo is ni smo; sibh fein agus ’ur clann. 15 Sibhse muintir bheannnicht an Tighearna; a rinn neamh agus talamh, 16 ’S leis an Tighearna na neamha iomlan gu leir; thug e n talamh do chlainn nan daoine. 17 Cha toir na mairbh mola’ dhuitse, O Thighearna; no idir iadsan theid sios gu tost. 18 Ach bheir sinne mola’ do’n Tighearn; o’n am so mach gu brath. Molaibh an Tighearna. [TD 412] URNUIGH MHAIDNE. Latha xxiv. Salm cxvi. Dilexi, quoniam. THA mi deagh thoilichte; gu’n cual an Tigheorna guth m’urnuidh. 2 Gu’n chrom e chluas rium; uime sin gairmidh mi air cho fhad sa ’s beo mi, 3 Dhiath, eangach a bhais umam; agus fhuair pianta ifrinn greim orm. 4 Gheibh mi trioblaid agus tuirse, agus gairidh mi air ainm an Tighearna; O Thighearna guidheam ort, saor m’anam. 5 ’S grasmhor, agus is ceart an Tighearna; seadh, tha ar Dia trocaireach. 6 Tearnuidh ’n Tighearna an fimpli; bha mi ann an truaigh, agus rinn e cobhair orm. 7 Pill a ris ma seadh ri t’ shuaimhneas O m’anam; oir thug an Tighearna duais dhuit. 8 Agus c’arson? shaor thu m’anam o’n bhas; mo shuile o dheoir, agus mo chasan o thuiteam. 9 Gluaisidh mi an lathair an Tighearna; ann an tir nam beo. 10 Chreid mi, agus uime sin labhair mi, ach bha mi an trioblaid gheur; thuirt mi am chabhaig, s breugairean na huile dhaoine. 11 Ciod a chomain bheir mi do’n Tighearna; air son gach sochair a rinn e dhomh. 12 Gabhaidh mi cupan na slainte; agus gairidh mi air ainm an Tighearna. 13 Iocaidh mi nise mo mhoide am fianais a pobull uile; ’s ro phriosail ann an sealla an Tighearna bas a naoimh. 14 Feuch, O Thighearn, cia mar is mise do sheirbheiseach; ’s mi do sheirbheiseach, agus mac do bhan-ogluich, bhris thu mo chuibhriche nam bloide. [TD 413] 15 Bheiream dhuit iobairt breith-bhuidheachais; agus gairidh mi air ainm an Tighearna. 16 Iocaidh mi mo mhoide do ’n Tighearn, ann an sealla a pobull uile; ann an cuirte tigh an Tighearn, iodhoin ann a’d’ mheadhon, O Hierusalem, molaibh an Tighearna. Salm cxvii. Laudate Dominum. O Molaibh an Tighearna, sibhse a ghintiliche gu leir: molaibh e sibhse uile chinnich. 2 Oir tha chaoimhneas trocaireach riamh ni smo is ni smo da ’r taobhne; agus mairidh firinn an Tighearna am feast. Molaibh an Tighearna. Salm cxviii. Confitemini Domino. O Thugaibh taing do’n Tighearna, oir tha e grasmhor; cheann gu mair a throcair am feast. 2 Aidiche Israeil anis, gu’m bheil e grasmhor; agus gu mair a throcair am feast. 3 Aidiche tigh Aroin anois; gu mair a throcair am feast. 4 Seadh, aidiche iadsan anis air am bheil eagal an Tighearna; gu mair a throcair am feast. 5 Ghair mi air an Tighearn’ ann an trioblaid; agus chual an Tighearna mi gu pailt. 6 Tha ’n Tighearn’ air mo thaobh; cha ’n eagal leam ciod a ni duine orm. 7 Tha ’n Tighearna gabhail mo phairt leosan tha g’am chuideacha; uime sin chi mi mo mhiann air mo naimhde. 8 ’S fearr earbsa chuir san Tigherrna; na muinghin sam bith chuir an duine. 9 ’S fearr dochas a chuir san Tighearna; na muinghin sam bith chuir ann prionnsachan. 10 Dhiath gach uile chinneach tiomchioll orm; ach ann an ainm an Tighearn ni mi an sgrios. 11 Chum iad a stigh mi air gach taobh, chum iad a stigh mi, tha mi ’g radh, air gach taobh; ach an ainm an Tighearn sgriosaidh mi iad. 12 Thainig iad m’an cuairt domh mar bheachan, agus tha iad caisgte mar an teine iodhoin a measg an droighin; oir an ainm an Tighearn sgriosaidh mi iad. [TD 414] 1 Thilg thu gu geur orm, chum ’s gu ’n tuitin; ach b’e an Tighearna mo chobhair. 14 ’Se ’n Tighearna mo neart agus mòran; agus tha e air fas na shlainte dhomh. 15 Tha fuaim aoibhnuis agus slainte ann an aitreabh an fhirean; bheir lamh dheas an Tighearna nithe mora gu crich. 16 Tha ’n tard cheannas aig lamh dheas an Tighearna: bheir lamh dheas an Tighearna nithe mora gu crich. 17 Cha ’n fhaith mi bas, ach mairidh mi beo; agus cuiridh mi ’n ceill oibre an Tighearna. 18 Smachduich agus chronuich an Tighearna mi; ach cha tug e thairis chum bais mi. 19 Fosgail dhomh geataidh na fireantachd; chum gu’n rachain a steach orra, s gun toir mi buidheachas do’n Tighearna. 20 ’S e so geata an Tighearna; theid am firean a steach air. 21 Bheir mi buidheachas duit, oir chual thu mi; agus bha thu a’d’ shlainte dhomh. 22 A chlach sin fein a dhiult na clachairean, tha i air fas na clach-chinn san oisin. 23 Si so obair an Tighearna; agus tha e miorbhaileach nar suiline. 24 So an la a rinn an Tighearna; ni sinn gairdeachas agus bithidh sinn ait ann. 25 Cuidich leam anis, O Thighearna; O Thighearna, cuir d’ar ionnsuidh a nis soirbheas. 26 Beannuight gu ’n robh eisin tha teachd an ainm an Tighearna; ghuidh sinne dhuibh deadh bheannucha’, sibhs a tha an tigh an Tighearna. 27 ’S e Dia an Tighearna, a dh’fhoillsich dhuinne solus; ceangail an iobairt le cuird, seadh, ri adhairce na haltair. 28 ’S tu mo Dhia, agus bheir mi taing dhuit; s’tu mo Dhia, agus molaidh mi thu. 29 O thugaibh moladh do’n Tighearn, oir tha e grasmhor; agus mairidh a throcair gu siorruidh. [TD 415] URNUIGH FHEASGAIR. Salm cxix. Beati immaculati. ’SBeannuight a mhuintir ud tha neo-thruaillidh san tslighe; agus tha gluasachd ann lagh an Tighearna. 2 Sbeannuight iadsan a choimheadas a theistis; agus a dh’iarras e le ’n uile chridhe. 3 Oir tha iadsan nach ’eil ri aingeachd; a gluasachd na shlighibh. 4 Dh’aithn thu; gu ’n coimhid sinn t aitheanta gu dichealeach. 5 O nach robh mo shligibh air an deanamh cho direach: s gu’m feudain do statuis a choimhead! 6 Mar sin cha bhi mi fo amhla; ’m feadh tha speis agam do t-aitheanta uile. 7 Bheir mi taing dhuit le cridhe gun fheall; nuair a dh’fhoghlumas mi breitheanais tfhireantachd. 8 Gleidhidh mi do riaghailtean; O na treig mi gu buileach. In quo corriget? CIod leis an ghlan an duine og a shlighe; iodhoin le e fein a riaghla’ a reir t’fhocail. 2 Dh’iarr mi thu le m’uile chridhe; O na leig dhomh dol am mearachd as t-aitheanta. 3 Dh’fholuich mi tfhocail an taobh a stigh am chridhe; chum nach peacaichin a t aghaidh. 4 Sbeannuight thus, O Thighearn: O teagaisg dhomh do statuis. 5 Le ’m bhilibh bha mi ’g aithris; mu uile bhreitheanais do bheoil. 6 Bha tlachd cho mor agam ann an slighe do theisteis; sa bh’agam s na huile ghne shaoibhris. 7 Labhraidh mi air taitheanta; agus bithidh speis agam do d’ shlighibh. 8 Bidh mo thlachd ann a’d’ statuis; s’ cha dearmad mi tfhocal. [TD 416] Retribue servo tuo. O Dean gu maith re d’ sheirbheiseach; chum gu’m bi mi beo s gu’n coimhead mi tfhocail. 2 Fosgailse ma shuile; chum gu’m faic mi nithe iongantach do lagh. 3 Tha mi am choigreach air thalamh; O na foluich taithcanta uam. 4 Tha m’anam a brise amach air son a mhiann ro dhian; a th’aige a ghna do d’ bhreitheanais. 5 Chronuich thu na h’uaibhrich; agus tha iad malluichte tha dol air seachran o d’aitheanta. 6 O pill uam nair agus achdmhasan; oir choimhid mi do theisteis. 7 Shuidh prionnsachan fos agus labhair iad am aghaidh; ach tha do sheirbheiseach smuaintaiche air do statuis. 8 Oir ’s iad do theisteis mo thoil intinn; agus ma chomhairlichean. Adhæsit pavimento. THA m’anam a leantuinn ris an duslach; O beothuich thusa mi a reir t’ fhocail. 2 Dh’aidich mi mo shlighibh, agus chual thu mi; O teagaisg dhomh do statuis. 3 Thoir orm gu’n tuig mi slighe taitheanta; agus mar sin labhruidh mi air t’oibre iongantach. 4 Tha m’anam a leagha as le fior thuirse; thoir thusa solas domh a reir t’fhocail. 5 Thoir uam slighe nam breug; agus thoir orm suim mhor a ghabhail do d’ lagh. 6 Roghnuich mi slighe na firinn; agus chuir mi do bhreitheanis romham. 7 Dhlu lean mi ri d’theisteis; O Thighearna, na naraich mi. 8 Ruithidh mi an slighe t’aitheanta. ’nuair a dh’fhuasglas tu mo chridhe. [TD 417] URNUIGH MHAIDNE. Latha xxv. Legem pone. TEagaisg dhomh, O Thighearna, slighe do statuis; agus coimhididh mi i gus a chrioch. 2 Thoir dhomh tuigse, agus coimhididh mi do lagh; seadh, coimhididh mi e le m’ uile chridhe. 3 Thoir orm imeachd ann an ceum t’aitheanta: oir ann tha mo thlachd. 4 Aom mo chridhe ri d’ theisteis; agus cha ’n ann gu sannt. 5 O pill air falbh mo shuile; ’n teagal gu’m beachduich iad air diamhanas; agus beothaich thusa mi san t’slighe. 6 O daingnich t’fhocal do d’ sheirbheiseach; chum t’eagal a bhi orm. 7 Thoir air falbh an tachdmhasan as am bheil m’eagal; oir s maith do bhreitheanais. 8 Feuch, tha mo thlachd ann a t’aitheanta; O beothaich mi ann a t’fhireantachd. Et veniat super me. THige do throcair ghradhach fos am ionnsuidh, O Thighearna; iodhoin do shlainte, a reir t’fhocail. 2 Mar sin bheir mi freagra do luchd mo mhasluchadh; oir tha mo dhochas ann a t’fhocal. 3 O na toir fhocal t’fhirinn gu tur as mo bheul; oir tha mo dhochas ann a’d’ bhreitheanais. 4 Mar sin coimhididh mi ’n comhnuidh do lagh; seadh, a chaoidh nan cian. 5 Agus gluaisidh mi am fairsingeachd; oir tha mi ’g iarruidh t’aitheanta. 6 Labhraidh mi fos air do theisteis; iodhoin ann fianuis righre; agus cha bhi nair orm. [TD 418] 7 Agus bidh mo thlachd ann a t’aitheanta; ga ’n tug mi gradh. 8 Togaidh mi suas mo lamha fos ri t’aitheanta, ga ’n tug mi gradh; agus bidh mo chnuasachd ann a’d’ statuis. Memor esto servi tui. O Smuainteach air do sheirbheiseach, mu timchioll t’fhocail; ann san tug thu orm mo dhochas a chuir. 2 Se sin mo sholas ann am thrioblaid; oir bheothaich t’fhocal mi. 3 Bha mi m’ chuis fhochaid anabarach aig na huaibhrich; gidheadh cha do ghlidich mi o d’ lagh. 4 Oir chuimhnich mi do bhreitheanais shiorruidh, O Thighearna; agus fhuair mi solas. 5 Tha mi fo eagal uabhasach; air son nan ain-diaghaidh tha treigsin do lagh. 6 B’iad dó statuis a b òrain dhomh; ann an tigh mo thuruis. 7 Smuainich mi air t’ainm, O Tighearna, ann am na hoiche; agus choimhead mi do lagh. 8 Bha so agam; a cheann gun choimhead mi t’ aitheanta. Portio mea, Domine. ’S Tu mo chuibhrionn, O Thighearna; gheall mi do lagh a choimhead. 2 Rinn mi m’ iarrtas umhla a’d’ lathair le m’uile chridhe: O bi trocaireach dhomh a reir t’fhocail. 3 Chuimhnich mi air mo shlighibh fein; agus phill mi mo chasan ri d’ theisteis. 4 Rinn mi cabhag, agus cha do shin mi n’uine; a choimhead t’aitheanta. 5 Rinn cothional nan ain-diaghaidh mo chreacha; ach cha do dhi-chuimhnich mise do lagh. 6 Eiridh mi mu mheadhon oiche thoirt buidheachais duit; air son do bhreitheanais chothrumaich. 7 Tha mise am chompanach dhoibhsin air am bheil t’eagal; agus a tha comhead t’aitheanta. 8 Tha ’n talamh, O Thighearna, lan do d’ throcair: O teagaisg dhomh do statuis. [TD 419] Bonitatem fecisti. O Thighearna, bhuin thu gu grasmhor ri d’ sheirbheiseach; a reir t’fhocail. 2 O teagaisg dhomh fior thuigs agus eolas; oir chreid mi t’aitheanta. 3 M’un robh mi ’n trioplaid, chaidh me mearachd; ach anis ghleidh mi t’fhocal. 4 Tha thu maith agus grasmhor; teagaisg dhomh do statuis. 5 Dhealbh na huaibhrich breug am aghaidh; ach coimhididh mise t’aitheanta le m’uile chridhe. 6 Tha ’n cridhe cho reamhar ri saill; ach bha mo thlachd ann do lagh. 7 ’S maith dhomhsa gu’n robh mi an trioblaid; chum gu ’n foghluimin do statuis. 8 Tha lagh do bheoil ni ’s ionmhuine leamsa; na milte a dh’or agus a dh’airgiod. URNUIGH FHEASGAIR. Manus tuæ fuerunt me. RINN, agus dhealbh do lamha mi; O thoir tuigse dhomh, chum gu m’ foghlum mi t’aitheanta. 2 Bithidh mhuintir air am bheil t’eagal ait ’nuair a chi iad mi; cheann gun chuir mi mo dhochas ann a t’fhocal. 3 Tha fhios agam, O Thighearna, gu ’m bheil do bhreitheanais ceart; agus gu ’n d’rinn thu o fhior dhilseachd trioblaid a chuir orm. 4 O bidh do chaoimhneas trocaireach na sholus dhomh; a reir t’fhocail do d’ sheirbheiseach. 5 O thige do throcaire gradhach am ionnsuidh, chum gu ’m bi mi beo; oir se do lagh mo thoilintinn. 6 Bidh na h’uaibhrich air an cuir gu hamhla, oir tha iad gu haingidh a dol ma ’n cuairt gu mise a sgrios; ach bithidh mise gluasachd ann a t’aitheanta. 7 Bidh a mheud ’s air am bheil t’eagal agus a ghabh eolas air do theisteis; air am pille riumsa. [TD 420] 4 O bidh mo chridhe treibh-dhireach ann a’d’ statuis; chum ’s nach bi nair orm. Defecit anima mea. GHabh m’anam miann air do shlainte; agus tha deadh dhochas agam a thaobh t’fhocail. 2 Tha mulad geur air mo shuile air son t’fhocail; ag radh, O c’uin a bheir thu solas domh s 3 Oir tha mar bhuideal san deatuich; gidheadh cha ’n’eil mi dearmad do statuis. 4 Cia lionmhar laithean do sheirbheisich; c’uin a bhitheas tu diolta dhiubhsa tha gam ruaga’? 5 Chladhaich na huaibhrich sluichd air mo shon; nach ’eil a reir do laghsa. 6 Tha t’aitheanta gu leir fior; tha iad gam ruaga’ gu fealltach, O biosa a’d’ chobhair dhomh. 7 Cha mhor nach do chuir iad crich orm air thalamh; ach cha do threig mi t’aitheanta. 8 O beothaich mi a reir do chaoimhneas ghradhaich; agus mar sin coimhididh mi teisteis do bheoil. In æternum, Domine. THA t’ fhocal, O Thighearna, mairthean gu siorruidh air neamh. 2 Tha t’fhirinn fos a buanacha o aon linn gu linn cile; leag thu bunait an talmhain, agus tha e air marthuin. 3 Tha iad a buanacha an diugh a reir t orduidh; oir tha na huile nithe ri seirbheis duit. 4 Mur bithe mo thlachd ann a’d’ lagh; rachain am mugha ann am thrioblaid. 5 Cha dearmad mi chaodh t’aitheanta; oir leo rinn thu mo bheothucha. 6 ’S leatsa mi, O sabhail mi; oir dhiarr mi t’aitheanta. 7 Leag na hain-diaghidh feal fheithe, air mo shon, gu mo sgrios; ach bheir mise fanear do theisteis. 8 Tha mi faicsin gu ’n tig na huile ni gu crich; ach tha t’ aithn ro leathun. [TD 421] Quomodo dilexi! A Thighearna, ciod an gradh a th’agam do d’ lagh; re fad an latha tha mo chnuasachd ann. 2 Tre t’aitheanta rinn thu mise ni ’s glice na mo naimhde; oir tha iad do ghna maille rium. 2 Tha mi ni ’s tuigsich na mo luchd teagaisg; oir s’iad do theisteis mo chnuasachd. 4 ’S glice mi na daoin aosta; cheann gu’m bheil mi coimhead t’aitheanta. 5 Chum mi mo chasan o na huile droch shlighe; chum gu’n coimhead mi t’ fhocal. 6 Cha do ghlidich mi o d’ bhreitheanais; oir tha thu ga m theagaisg. 7 O cia milis t’fhocail do ’m chairin; seadh, ni s milse do ’m bheul na mhil. 8 Tre t’aitheanta tha mi a faghail tuigse; uime sin ’s fuathach leam uile shlighibh an uilc. URNUIGH MHAIDNE Latha xxvi. Lucerna pedibus meis. THA tfhocal na lo-chran do m’ chasan; agus na sholus do m’ cheumna. 2 Mhionuich mi, agus tha run orm gu seasmhach; do bhreitheanais chothrumach a choimhead. 3 Tha mi fo thrioblaid thar tomhas; beothaich mi, O Thighearna, a reir t’fhocail. 4 Deanadh saor iobart mo bheoil do thoileacha, O Thighearna; agus teagaisg dhomh do bhreitheanais. 5 Tha m’anam a ghna ann am laimh; gidheadh cha ’n ’eil mi dearmad do lagh. [TD 422] 6 Leag na hain-diaghaidh ribe air mo shon; ach gidheadh cha do chlaon mi air seachran o t’ aitheanta. 7 Thagair mi do theisteis mar m’oighreachd am feast; agus c’arson? ’s iad fior aoibhneas mo chridhe. 8 Dh’aom mi mo chridhe a ghna a choiliona do statuis iodhoin gus a chrioch. Iniquos odio habui. THA fuath agam dhoibhse tha breunnacha nithe olc; ach tha gradh agam do d’ laghsa: 2 Stu mo dhion agus mo sgia’; agus tha mo dhochas ann a t’fhocail. 3 Imichibh uam, sibhse luchd na haingeachd; coimhididh mise aitheanta mo Dhia. 4 O daingnich mi a reir t’fhocail, chum gu ’m bi mi beo; s na leag dhomh bhi air mo mhealla am dhochas. 5 Cum thusa suas mi, agus bithidh mi tearuint; seadh, bithidh mo thlachd am feast ann a’d’ statuis. 6 Shaltair thu sios iadsan uile tha dol air seachran o d’statuis; oir cha ’n ’eil iad a breunnacha ach ceilg. 7 Cuiridh tu air falbh ain-diaghaidh na talmhain uile mar shal miotail: uime sin s ionmhuin leam do theisteis. 8 Tha m’fheoil air chrith le heagal romhad; agus geilt orm as do bhreitheanais. Feci judicium. THA mi buintin ris an ni tha laghail agus ceart; O na toir thairis do luchd m’fhoir-eignidh mi. 2 Thoir thus air do sheirbheiseach tlachd a ghabhail san ni tha maith; chum nach dean na huaibhrich cron domh. 3 Tha mo shuile air caithe as le beachducha air son do shlainte; agus air son focal t’fhireantachd. 4 O buin ri d’ sheirbheiseach a reir do throcair ghradhach; agus teagaisg dhomh do statuis. 5 ’S mise do sheirbheiseach, O deonuich dhomh tuigse; chum gu m faith mi eolas air do theistis. 6 S’ mithich dhuitse, Thighearna, do lamh a nochda; oir sgrios iad do lagh. 7 Oir tha gradh agam do d’ aitheanta; thar or agus clacha priosail. [TD 423] 8 Uime sin coimhidh mi direach t’aitheanta uile; agus tha mi gabhail grain gu tur do gach slighe bhreugach. Mirabilia. THA do theisteis iongantach; uime sin tha m’anam ga ’n coimhead. 2 ’Nuair tha t’fhocal a dol amach: tha e toirt solus agus tuigse do’n t’ simpli. 3 Dh’fhosgail mi mo bheul, agus tharraing mi steach m’anail; oir bha tlachd agam ann a t’aitheanta. 4 O amhairc thusa orm, agus bi trocaireach dhomh: mar is gnath leat a dheanamh dhoibhsin air am bheil eagal tainme. 5 Orduich mo cheumna ann a t’fhocal; agus mar sin cha bhi uachdranachd aig aingeachd thairis orm. 6 O saor mi o fhoirneart dhaoine; agus mar sin coimhididh mi t’aitheante. 7 Foillsich solus do ghnuise air do sheirbheiseach; agus teagaisg dhomh do statuis. 8 Tha mo shuile a’ srutha mach le huisge; cheann nach ’eil daoine coimhead do lagh. Justus es, Domine. S’ Cothrumach thu, O Thighearna; agus ’s fior do bhreitheanas. 2 Tha na tcisteis a dh’aithn thu; ro chothrumach agus fior. 3 Rinn m’eud iodhoin mo chaithe; cheann gun do dhi-chuimhnich mo naimhde t’fhocail. 4 Tha t’fhocal dearbhta gus a chuid is faide; agus ’s ionmhuin le d’ sheirbheiseach e. 5 Tha mi beag, agus gun mheas sam bith; gidheadh cha ’n ’eil mi dearmad t’aitheanta. 6 S fireantachd shiorruidh t’fhireantachd; agus se do lagh an fhirinn. 7 Ghabh trioblaid agus tuirse greim orm; gidheadh tha mo thlachd ann a t’aitheanta. 8 Tha fireantachd do theisteis fiorruidh; Q deonich dhomh tuigse, agus bithidh mi beo. [TD 424] URNUIGH FHEASCAIR. Clamavi in toto corde meo. THA mi gairm le m’uile chridhe; cluinn mi, O Thighearn, coimhididh mi do statuis. 2 Seadh, riutsa tha mi gairm; cuidich mi, agus coimhididh mi do theisteis. 3 Gu moch sa mhadain tha mi ’g eidheach riut; oir san an t’ fhocal tha m’earbsa. 4 Tha mo shuile cuir roimh fhaire na hoiche; chum gum bithin cnuasachd ann a t’fhocail. 5 Cluinn mo ghuth, O Thighearna, a reir do chaoimhneas ghradhach; beothaich mi a reir mar is nos leat. 6 Tha iads tha o mhi-ruin gam ruaga a taruing am fogus; agus tha iad fada o d’ lagh. 7 Bi thus am fogus, O Thighearna; oir tha t’aitheanta uile fior. 8 Mu thimchioll do theisteis, b’aithne dhomh’s iad o cheann fhad: gun steidhich thu iad am feast. Vide humilitatem. O Thoir fanear mo theinn, agus fuasgail orm; oir cha ’n ’cil mi dearmad do lagh. 2 Diol thusa mo chuis, agus fuasgail orm; beothaich mi a reir t’fhocail. 3 Tha slainte fada o na hain-diaghaidh; oir cha ’n ’eil suim aca do d’ statuis. 4 ’S mor do throcair, O Thighearna; beothaich mi mar is nos leat. 5 ’S lionmhar iad tha cuir trioblaid orm; agus gam ruaga; gidheadh cha ’neil mi dol air seachran o d’ theisteis. 6 ’S craiteach leam nuair chi mi luchd an easaontais; cheann nach ’eil iad a coimhead do lagh. 7 Thoir fanear, O Thighearna, cia mar tha mi gradhacha t’ aitheanta; O beothaich mi a reir do chaoimhneas ghradhaich. 8 Tha t’fhocal fior O bhi-bhuantachd; mairidh uile bhreitheanais t’fhireantachd a chaoidh. [TD 425] Principes persecuti sunt. RInn prionnsaidh mo ruaga gun aobhar: ach tha mo chridhe fuidh eagal roi t’fhocal. 2 Tha mi cho aoibhneach as t’fhocal: ri neach tha faotain creachana mor. 3 Thaobh nam bhreug, tha fuath agus grain agam dhoibh; ach thug mi gradh do d’ laghsa. 4 Tha mi ga d’ mhola’ seachd uairin san latha; air son do bhreitheanais chothrumaich. 5 ’S mor sith na mhuintir aig am bheil gradh do d’ lagh; agus cha ’n’eil oilbheum aca as. 6 A Thighearna, dh’amhairc mi air son do shlainte sholasach; agus rinn mi reir t’aitheanta. 7 Choimhead m’anam do theisteis; agus ghradhaich e iad gu ro mhor. 8 Choimhid mi t’ aitheanta agus do theisteis: oir tha mo shlighibh uile a’d’ lathair. Appropinquet deprecatio. THige mo ghearan an t’fhianuis, O Thighearn; thoir dhomh tuigs’ a reir t’fhocail. 2 Thige mo chaoidh a’d’ lathair; saor mi a reir t’ fhocail. 3 Labhraidh mo bhilibh air do mhola’; nuair a theagaisgeas tu dhomh do statuis. 4 Seadh, seinnidh mo theanga air t’fhocal; oir tha t’aitheanta uile cothrumach. 5 Cuidiche do lamh mi; oir roighnich mi t’aitheanta. 6 Bha mor-dheidh agam air do shlainte, sholasach O Thighearna: agus ann a’d’ lagh tha mo thlachd. 7 O bidh m’anam beo, agus bheir e mola’ dhuit; agus ni do bhreitheanais mo chuideacha. 8 Chaidh mi air seachran mar chaoirich chailte; O iarr do sheirbheiseach; oir cha ’n’eil mi dearmad t’aitheanta. [TD 426] URNUIGH MHAIDNE. Latha xxvii. Salm cxx. Ad Dominum. ’NUair bha mi an trioblaid, ghair mi air an Tighearna; agus chual e mi. 2 Saor m’anam, O Thighearna, o bhilibh breugach; agus o theangaidh chealgach. 3 Ciod an duais a bheirear dhuit no nithear ort, thus a theanga bhreugach; iodhoin saighde geur agus trein, le eibhle teith loisgeach. 4 Mo thruaighe mi, gu bheil mi air m’eigneacha gu comhnucha maille ri Mesech; agus gu m’aite tamh bhi measg buthana Chedar! 5 Ghabh m’anam comhnuidh fhada na measgsa; tha na naimhde do shith. 6 Tha mi ag oirpeacha air son sith, ach ’nuair a labhras mi riu uimpe; deasuichidh iad iad fein gu comhrag. Salm cxxi. Levavi oculos. TOgaidh mi suas mo shuile ris na beannta; o’m bheil mo chobhair a teachd. 2 Tha mo chobhair a teachd iodhoin o’n Tighearna; a rinn neamh agus talamh. 3 Cha ’n fhuiling e gu ’n caruichear do chas; agus cha chaidil an ti tha ga d’ ghleidhe. 4 Feuch, ’n ti tha coimhead Israeil; cha tig codul na suain air. 5 Se ’n Tighearna fein t’fhear coimhead; se ’n Tighearn do dhion air do laimh dheis. 6 Ionnas nach loisg a ghrian thu san latha; no idir a ghealach san oiche. 7 Sabhalaidh ’n Tighearn thu o gach olc; seadh, se iodhoin eisin a choimheadas t’anam. [TD 427] 8 Coimheadidh ’n Tighearn do dhol amach ’s do theachd a stigh; o ’n am so mach gu siorruidh. Salm cxxii. Lætatus sum. BHA mi ait ’nuair thuirt iad rium; theid sinn gu tigh an Tighearna. 2 Seasaidh ar casan ann do gheata; O Hierusalem. 3 Tha Hierusalem air a togail mar bhaile: a tha ann an co-cheangal ann fein. 4 Oir an sin theid na treabha suas, iodhoin treabha an Tighearna; thoirt teisteis a dh’ Israeil; thoirt buidheachas do dh’ ainm an Tighearna. 5 Oir an sin tha cathair breitheanais; iodhoin cathair tigh Dhaibhi. 6 O guidhibh air son sith Hierusalem; soirbhichidh iadsan aig am bheil gradh dhuit. 7 Gu ’n robh sith an taobh stigh a’d’ bhallaibh; agus pailteas ’n taobh stigh do d’ luchairtibh. 8 Air sga’ mo bhraithre ’s mo chompanacha; guidhidh mi soirbheas duit. 9 Seadh, air son tigh ’n Tighearna ar Dia; iarruidh mise maith a dheanamh dhuit. Salm cxxiii. Ad te levavi oculos. RIut a thogas mi suas mo shuile; O thus tha chomhnuidh s na neamha. 2 Feuch, iodhoin mar dh’ amhairceas suile sheirbheisiche air laimh a maistire, agus mar amhairceas suile maighdin air laimh a banamhaistir; iodhoin mar sin tha ar suilean a feithe air an Tighearna ar Dia, gus an dean e trocair oirn. 3 Dean trocair oirn, O Thighearn, dean trocair oirn; oir tha sin fo tharchuis gur tur. 4 Tha ar n’anam lan le achdmhasan fanoideach na ’n daoine saoibhir; agus le tailceis nan uaibhreach. Salm cxxiv. Nisi quia Dominus. MUR bitheadh an Tighearna fein air ar taobh, nois feudaidh Israeil a radh; mur bhidh an Tighearna fein air ar taobh ’nuair dh’eirich daoine suas na ’r naghaidh, [TD 428] 2 Shluige iad suas beo sin; ’nuair bha am fearg co diumach dh’inn. 3 Seadh, bhathadh na huisgeacha sinn; agus rachadh an tuilte thar ar n’ anma. 4 Rachadh uisgeacha doimh’n nan uaibhreach; iodhoin thar ar n’ anma. 5 Ach mola’ do ’n Tighearna; nach tug sinne thairis mar chreich ga ’m fiacla. 6 Tha ar n’anma air dol as, iodhoin mar eun a ribeadh an ëunadair; tha n ribeadh briste, agus tha sinne air ar fuasgla. 7 Tha ar cobhair an ainm an Tighearna; a rinn neamh agus talamh. Salm cxxv. Qui confidunt. BIthidh an dream tha cuir an dochas ann san Tighearna, iodhoin mar shliabh Sion; nach fheudar a charucha, ach a sheasmhas daingean gu brath. 2 Tha na beannta seasamh timchioll Hierusalem; iodhoin mar sin tha n Tighearna a seasamh timhchioll a phobull, o’n am so mach gu siorruidh. 3 Oir cha tig slat an ain-diaghaidh ann an crannchar an fhirinn; ’n teagal gu ’n cuir na fireana an lamh ri haingeachd. 4 Dean gu maith, O Thighearna, dhoibh sud gam bheil cridhe maith agus fior. 5 Thaobh a mheud s ata pille air an ais ri’n aingeachd fein; iomaine ’n Tighearna mach iad le luchd an uilc, ach bithidh sith air Israeil. URNUIGH FHEASGAIR. Salm cxxvi. In convertendo. ’NUair phill an Tighearn air ais braighdeanas Shion; ’n sin bha sinn cosmhuil riusan a ni bruadar. 2 ’N sin bha ar beul lan le gaire; agus ar teanga le haoibneas. 3 ’N sin thuirt iad a measg nan cinneach; rinn an Tighearna nithe mor air an son. [TD 429] 4 Seadh, rinn an Tighearna nithe mor air ar soinne a cheana: mu m bheil sinn ri gairdeachas. 5 Pill ar braighdeanas, O Thighearna; mar na haibhnichean san airde deas. 6 Iadsan tha cuir ann an deoir; buainidh iad an aoibhneas. 7 ’N ti tha nis ag imeachd ri gul agus a giulan amach deagh shiol: gun teagamh thig e air ais le haoibhneas, agus bheir e a sguaba leis. Salm cxxvii. Nisi Dominus: MUR tog an Tighearna an tigh; cha ’n ’eil saothair na muintir tha ga thogail ach cailte. 2 Mur coimhead an Tighearn am baile; cha ’n’eil am fear-fairc ach na dhuisg an diamhanas. 3 Cha ’n’eil ach saothair chailte dhuibh cabhag a dheanamh gu eiridh moch, agus co anmoch a ghabhail fois, agus bhi g’ithe arain a churam; oir mar sin bheir e cadul da mhuintir ionmhuin. 4 Feuch, tha clann agus tora’ na bronn; nan oighreachd agus nan tiolacadh teachd o’n Tighearn. 5 Ceart mar tha na saighdean an laimh an gaisgich; iodhoin mar sin tha chlann og. 6 Sonadh an duine aig am bheil a bholg saighead lan diu cha bhi nair orra, nuair a labhras iad ri naimhde sa gheata. Salm cxxviii. Beati omnes. ’S Beannuichte iadsan uile air am bheil eagal an Tighearna; agus tha gluasachd na shlighibh. 2 Oir ithidh tu saoithir do lamha; O ’s maith a tha thu, agus sonadh a bhitheas tu. 3 Bitheadh do bhean mar an fhineamhain thorrach; air ballaibh do thighe. 4 Do chlann mar na geugan oluidh; m’an cuairt do d’ bhord, 5 Feuch, mar so bithidh ’n duine beannuicht; air am bheil eagal an Tighearn. 6 Ni ’n Tighearna a Sion do bheannucha mar sin; gu’m faic thu Hierusalem ann an soirbheas ri fad do bheatha. 7 Seadh, gu’m faic thu clann do chlainne agus sith air Israeil. [TD 430] Salm cxxix. Sæpe expugnaverunt. ’S Lionmhar uair a chog iad am aghaidh o m’oige suas; feudaidh Israeil anis a radh, 2 Seadh, bu tric a chraidh iad mi o m’oige suas; ach cha do bhuadhaich iad am aghaidh. 3 Rinn na treabhaich ar air mo dhruim; agus rinn iad sgrioban fada. 4 Ach ghearr an Tighearna ceart-breitheach; ribeana nan ain-diaghaidh na’m bloide. 5 Bidh iad fo amladh agus air am pille air an ais; gach aon neach aig am bheil droch ruin do Shion. 6 Bidh iad iodhoin mar am feur a fas air mulach nan tighean; a sheargas mun spionar suas e. 7 Leas nach lion an spealadair a lamh; na ’m fear a cheanglas suas sguaba achlais. 8 Ionnas nach abair iadsan a theid seachad urrad is, gu ’n soirbhich sibh; tha sinn guidheadh buadhachadh dhuibh an ainm an Tighearna. Salm cxxx. De profundis. AS an doimhneachd ghair mi ort, O Thighearna; Thighearna, cluinn mo ghuth. 2 O thuga’ do cluasa fanear gu maith; guth mo ghearain. 3 Ma bhitheas tusa, Thighearn, a comhrucha an ni th’ air a dheanamh docharach; O Thighearna, co fheudas seasamh ris? 4 Oir tha trocair agadsa; uime sin bithidh eagal oirn romhad. 5 Tha mi ’g amharc air son an Tighearn, tha m’anam a feithe air; ann a fhocal tha m’earbsa. 6 Teichidh m’ anam a dh’ionnsuidh ’n Tighearn; roimh fhaire na maidne, tha mi ’g radh, roimh fhaire na maidne. 7 O Israeil, cuirse do dhochas san Tighearna, oir aig an Tighearna tha trocair; agus maille ris tha saorsa phailt. 8 Agus saoruidh e Israeil; o pheacana uile. [TD 431] Salm cxxxi. Domine, non est. A Thighearna, cha ’n ’eil mi ard-inntineach; cha ’n ’eil sealladh uaibhreach agam. 2 Cha ’n’eil mi gam chleachdain fein ann cuisibh mora; tha tuille is ard air mo shon. 3 Ach tha mi ciosacha m’anma, agus ga ghleidhe isiol; mar leanabh air a chuir air diol o mhathair; seadh, tha m’ anam iodhoin mar leanabh air a chuir o’n chich. 4 O Israeil, cuir do dhochas san Tighearna; o’n am so mach gu siorruidh. URNUIGH MHAIDNE. Latha xxviii. Salm cxxxii. Memento, Domine. A Thighearna, cuimhnuich Daibhi; agus a thrioblaid uile. 2 Cionnas a mhionnuich e do ’n Tighearna; agus thug e mhoid do Dhia uile chumhachdach Jacob. 3 Cha tig mi ’n taobh stigh do phaillain mo thighe; ’s cha theid mi suas am leaba. 4 Cha cheaduich mi m’ shuile cadul; no ’m rosga suain; no idir do chamaga mo chinn fois a ghabhail. 5 Gus am faith mi mach aite air son teampull an Tighearn; ionad comhnuidh air son Dia cumhachdaich Jacob. 6 Feuch, chuala sinn mu ni cheudna aig Ephrata! agus fhuara sa chaoille e. 7 Theid sinn ga phaillain; agus tuitidh sinn gu hiosal air ar gluine aig stol a chois. 8 Eirich, O Thighearna, gu t’ aite comhnuidh; thusa agus airc do neart. 9 Bidh do shagarta air an sgeudacha le fireantachd: agus seinneadh do naoimh le haoibhneas. 10 Air sga do sheirbhaiseach Daibhi; na pill air falbh ghnuis t’ungaidhe. [TD 432] 11 Thug an Tighearna moid dhileas do Dhaibhi; agus cha ghlidich e uaithe. 12 Do thoradh do chuirp; cuiridh mise na shuidhe air do chathair. 13 Ma choimheadas do chlann mo chumhnanta, agus mo theisteis a theagaisgidh mi dhoibh; suidhidh an clannsan fos air do chathair gu siorruidh. 14 Oir roghnuich Dia Sion gu bhi na haite comhnuidh dha fein; bha mor-dheidh aig orra. 15 Bidh so na ionad chomhnuidh agam gu siorruidh; ann an so ni mi tamh, oir tha tlachd agam ann. 16 Beannuichidh mi a lòn le toradh; agus sasuichidh mi a bochdan le aran. 17 Uimichidh mi a sagarta le slainte; agus ni a naoimh gairdeachas agus ceol. 18 ’N sin bheir mi air adharc Dhaibhi soirbheacha; dh’orduich mi lo-chran do’m ungachte. 19 A thaobh a naimhde, euduichidh mi iad le naire; ach air fein soirbhichidh a chrun. Salm cxxxiii. Ecce, quam bonum. FEuch, cia maith agus aoibhneach an ni; do bhraithre comhnucha le cheile an co-cheangal. 2 Tha e mar an ola phriosail air a cheann, a ruidh sios gus an fheusag; iodhoin feusag Aroin, agus chaidh sios gu iomal euduich. 3 Mar dhruchd Hermain; a thuit air cnoc Shion. 4 Oir ann sin gheall Dia a bheannuchadh agus beatha gu siorruidh. Salm cxxxiv. Ecce nunc. FEuch anis, molaibh an Tighearna; sibhs uile sheirbheifiche an Tighearna. 2 Sibhsa tha seasamh san oiche ann tigh an Tighearna; iodhoin ann an cuirtibh tigh ar Dia. 3 Togaibh suas ur lamha san teampull; agus molaibh an Tighearna. 4 Gu’n cuir ’n Tighearn a rinn neamh agus talamh; beannuchadh do t’ionnsuidh a Sion. [TD 433] Salm cxxxv. Laudate nomen. O Molaibh an Tighearna, molaibh ainm an Tighearna; molaibh e, O sibhs sheirbheisiche an Tighearna. 2 Sibhs tha nar seasamh an tigh an Tighearna; ann an cuirtibh tigh ar Diane. 3 O molaibh an Tighearna, oir tha ’n Tighearna grasmhor; O seinnibh mola’ da ainm, oir tha e ceatfach. 4 Oir c’arson? thagh an Tighearna Jacob dha fein; agus Israeil mar a sheilbh fein. 5 Oir tha fios agam gu bheil an Tighearna mor; agus gu bheil ar Diane thar gach uile Dhe. 6 Ciod sam bith bu toil leis an Tighearna, rinn e sin air neamh, agus air thalamh; ann sa chuan, agus ann sna huile aite domhain. 7 Tha e toirt amach na neoil o chriocha an t’saoghail; agus a cuir amach na dealanaich le huisge, a toirt na gaoithe mach as ionmhasa. 8 Bhuail e ceud-ghin na h’Eiphte; araon do dhuine agus do dh’ainmhidh. 9 Chuir e comharan agus iongantais ann a’d’ mheadhon, O thusa thir na h’Eiphte; air Pharaogh agus air a sheirbheisiche gu leir. 10 Bhuail e ioma’ cinneach; agus mharbh e righre trein. 11 Sihon righ nan Amorach, agus Og righ Bhasan; agus uile righeachda Chanain; 12 Agus thug e ’n tir gu bhi na hoighreachd; iodhoin na hoighreachd do Israeil a phobull fein. 13 Mairidh t’ainm, O Thighearna, am feast; mar sin ni do chuimhneachan, O Thighearna, o aon linn gu linn eile. 14 Oir diolaidh ’n Tighearna a phobull; agus bithidh e grasmhor do sheirbheisiche. 15 Air son iomhaidhean nan cinneach, cha ’n ’eil annt ach or agus airgiod; obair lamha dhaoine. 16 Tha beoil aca, agus cha labhair iad; tha suilean aca, ach cha n’fhaic iad. 17 Tha cluasan aca, agus gidheadh cha chluinn iad; ni mo tha anail sam bith na m beoil. 18 Tha mhuintir tha ga’m deanamh cosmhuil riu; agus mar sin tha iadsan uile tha cuir an dochas annta. [TD 434] 19 Molaibhse an Tighearna, sibhse thigh Israeil; molaibhse an Tighearna, fibhs a thigh Aroin. 20 Molaibhs an Tighearna, sibhs a thigh Lebhi; sibhs air am bheil eagal an Tighearn, molaibh e. 21 Gu’n robh ’n Tighearn’ air a mhola’ a Sion; tha chomhnuidh aig Hierusalem. URNUIGH FHEASGAIR. Salm cxxxvi. Confitemini Domino. O Thugaibh buidheachas do’n Tighearn, oir tha e grasmhor; agus tha throcair mairtheanach gu brath. 2 O thugaibh buidheachas do Dhia nan uile dhe; oir mairidh a throcair gu brath. 3 O thugaibh buidheachas do Thighearna nan uile thighearna; oir mairidh a throcair gu brath. 4 ’N ti amhain tha deanamh mor iongantais; oir mairidh a throcair gu brath. 5 ’N ti le ghliocas oirdheirc a rinn na neamha: oir mairidh a throcair gu brath. 6 ’N ti leag amach an talamh os cionn nan uisgeacha: oir mairidh a throcair gu brath. 7 ’N ti rinn soluis mhor; oir mairidh a throcair gu brath. 8 A ghrian a riaghla an latha; oir mairidh a throcair gu brath. 9 A ghealach agus na reulta a riaghla na hoiche; oir mairidh a throcair gu brath. 10 ’N ti bhuail an Eiphte le ceud-ghin; oir mairidh a throcair gu brath. 11 Agus a thug Israeil amach as am builsgein; oir mairidh a hrocair gu brath. 12 Le lamh threin agus gairdein sinte mach; oir mairidh a throcair gu brath. 13 A sgoilt a mhuir ruadh na da phairt; oir mairidh a throcair gu brath. 14 Agus a thug air Israeil dol tre a meadhon; oir mairidh a throcair gu brath 15 Ach air son Pharogh ’s a shluaidh, chuir e bun os cionn iad sa mhuir ruaidh; oir mairidh a throcair gu brath. [TD 435] 16 ’N ti threoirich a phobull tre an fhasaich; oir mairidh a throcair gu brath. 17 ’N ti bhuail righre mora: oir mairidh a throcair gu brath. 18 Seadh, agus a mharbh righre treine; oir mairidh a throcair gu brath. 19 Sihon righ nan Amorach; oir mairidh a throcair gu brath; 20 Agus Og righ Bhasan; oir mairidh a throcair gu brath. 21 Agus thug e an tir mar oighreachd; oir mairidh a throcair gu brath. 22 Iodhoin mar oighreachd da sheirbheiseach Israeil; oir mairidh a throcair gu brath. 23 ’N ti chuimhnich oirn ’nuair bha sinn an trioblaid; oir mairidh a throcair gu brath. 24 Agus a dh’fhuasgail sinne o’r naimhde; oir mairidh a throcair gu brath. 25 ’N ti tha toirt lòn do gach feoil; oir mairidh a throcair gu brath, 26 O thugaibh buidheachas do Dhia neamha: oir mairidh a throcair gu brath. 27 O thugaibh buidheachas do Thighearna nan tighearna; oir mairidh a throcair gu brath. Salm cxxxvii. Super flumina. LAimh ri uisgeacha Bhabilon shuidh sinn sios agus ghuil sinn; ’nuair a chuimhnuich sinn ortsa, O Shion. 2 Thaobh ar clarsaiche, chroch finn suas iad; air na craobhan tha ’n sin. 3 Oir dhiarr a mhuintir a thug am braighdeanas sinn, òran oirn, agus binn-cheol ann ar tuirse; seinnibh dhuinn aon do dh’ òran Shion. 4 Cia mar a sheinneas sinn óran an Tighearna; ann an tir choigrich? 5 Ma dhi-chuimhnuicheas mi thu, O Hierusalem; di-chuimhnuiche mo lamh dheas a seoltachd. 6 Mur cuimhnich mi thu, leanadh mo theanga ri uachdar mo bheoil; seadh, mar roghnuich mi Hierusalem ann am shugra’. 7 Cuimhnich clann Edom, O Thighearna, ann an latha Hierusalem; cia mar thuirt iad, sios i, sios i, iodhoin chum an talmhain. [TD 436] 8 O nighean Bhabilon, air do chaithe le truaighe; seadh, sonadh an neach a bheir duais duit areir mar rinn thu oirne. 9 ’Sbeannuicht a bhitheas an neach a ghabhas do chlann; agus a thilgeas iad ris na clachan. Salm cxxxviii. Confitebor tibi. BHeir mi buidheachas duit, O Thighearna, le m’uile chridhe; iodhoin am fianuis nan Dee seinnidh mi mola’ dhuit. 2 Ni mi adhra’ ’s m’ aghaidh ri d’ theampull naomha, agus molaidh mi tainm, air son do chaoimhneas ghradhaich agus t’ fhirinn; oir dh’arduigh thu tainm, agus t’fhocal os cionn nan uile nithe. 3 ’Nuair a ghair mi ort, chual thu mi; agus bhuilich thu air m’anam moran neart. 4 Bheir uile righre na talmhain mola’ dhuit, O Thighearna; oir chual iad briathra do bheoil. 5 Seadh, seinnidh iad ann an shlighibh an Tighearna; gur mor gloir an Tighearna. 6 Oir ge d’ tha ’n Tighearna ard, gidheadh tha speis aige do ’n iriosal; air son nan uaibhreach, tha e beachducha orra fad o laimh. 7 Ge d’ ghluais mi ann a meadhon trioblaid, gidheadh ath-uraichidh tu mi: sinidh tu mach do lamh an aghaidh corruich mo naimhde, agus tearnuidh do lamh dheas mi. 8 Ni ’n Tighearna deongmhalta a chaoimhneas gradhach am thaobhse; seadh, mairidh do throcair, O Thighearna, gu brath; na dean tair ma-seadh air oibre do lamha fein. URNUIGH MHAIDNE. Latha xxix. Salm cxxxix. Domine, probasti. O Thighearna, rannsuich thu mach mi, agus b’aithne dhuit mi; ’s aithne dhuit mo shuidhe sios, agus m’eiridh suas, tha thu fiosrach air mo smuainte fada roimh laimh. [TD 437] 2 Tha thu ma ’n cuairt do m’ chos-cheum, agus mu m’ leaba; agus a beachducha air mo shlighibh uile. 3 Oir feuch, cha ’n ’eil focal ann am theangaidh, nach aithne dhuitse, O Thighearna, gu leir. 4 Dhealbh thu mi am dheidh agus romham; agus leag thu do lamh orm. 5 Tha leithid a dh’eolas tuile is iongantach agus oirdhearc air mo shonsa; cha ’n urra mi ruidheachd air. 6 C’aite ma seadh an teid mi o d’ spiorad; no c’aite ma seadh an teid mi as do lathair. 7 Ma theid mi suas a fhlaitheanas, tha thu ’n sin; ma theid mi sios a dh’ifrinn, tha thu ’n sin mar an ceudna. 8 Ma ghabhas mi sgiathan na maidne: agus ma dh’fhanas mi ann an iomal-chriocha na fairge; 9 Iodhoin ann sin fos treoirichidh do lamh mi; agus cumaidh do lamh dheas suas mi. 10 Ma their mi, theaga gu m’ foluich an dorchadas mi; ’n sin bithidh m’ oiche alr a tionda gu latha. 11 Seadh, cha ’n ’eil an dorchadas na dhorchadas leatsa, ach tha ’n oidhche cho shoilleir ris an latha; s ionan duitse ’n dorchadas agus an solus. 12 Oir s leat m’ airne; dh’ fholuich thu mi am broinn mo mhathar. 13 Bheir mi buidheachas duit. oir tha mi air mo dheanamh gu h’eaglach agus iongantach; s miorbhuileach toibre, agus s ro mhaith is aithne do m’anam sin. 14 Cha ’n ’eil mo chnamhan foluicht ort; ge d’ rinne mi gu diamhair, agus ge d’ dhealbha mi bhos air thalamh. 15 Chunnaic do shuile mo cheud-fhas air bhi dha fathast an-abuigh: agus ann a’d’ leabhar bha mo bhuill uile sgriobhta. 16 A bha la an deidh latha air an cumadh; ’nuair fathast nach robh a haon diu ann. 17 Cia priosail a tha do chomhairlean domh, O Dhe; O cia mor an aireamh: 18 Ma dh’aithriseas mi iad, tha iad ni smo an aireamh na gaineamh na fairge; ’nuair a mhosglas mi, tha mi lathair maille riut. 19 Nach marbh thu ’n taingidh, O Dhe; imichibh uam, sibhs a dhaoine iot-fhuileach. 20 Oir tha iad a labhairt gu hea-corach a t’aghaidh; agus tha do naimhde a toirt t’ainm an diamhanas. [TD 438] 21 Nach ’eil mise a toirt fuath, O Thighearna, dhoibhsin tha toirt fuath dhuitse; agus nach ’eil doighleas orm leis a mhuintir ud tha ’g eiridh suas a t’aghaidh. 22 Seadh, tha fuath fior gheur agam dhoibh; iodhoin mar gum b’iad mo naimhde fein. 23 Feuch mi, O Dhe, agus iarr grund mo chridhe; rannsuigh mi, agus sgrud mo smuainte. 24 Amhairc gu maith am bheil slighe aingidh sam bith annam; agus treoirich mi s an t’slighe shiorruidh. Salm cxl. Eripe me, Domine. TEasairg mi, O Thighearna, o’n droch dhuine; agus coimhid mi on duine aingidh. 2 Tha breunachadh uilc na ’n cridheacha; agus a dusga’ suas stre re fad an latha. 3 Gheurich iad an teangana mar nathair; tha nimh na nathrach fa ’m bilibh. 4 Gleidh mi, O Thighearna, o lamha nan ain-diaghaidh; teafairg mi o’n duine aingidh, air am bheil a rùn mo ghluasachd chuir bun os cionn. 5 Leag an t’uaibhreach ribeadh air mo shon; agus sgaoil e lion am fad le corduibh; seadh. agus shuidhich e gaoiste ann mo shlighe. 6 Thuirt mi ris an Tighearna, s’tu mo Dhia; cluinn guth m’urnuidhean, O Thighearna. 7 O Thighearna Dhia, thus a neart mo shlainte; dh’fholuich thu mo cheann ann an latha a chathadh. 8 Na faithe an tain-diaghaidh a mhiann, O Thighearna; na soirbhicheadh a smuaintidh olc, n’ teagal gum bi iad tuille ’s uaibhreach. 9 Tuite olc am bilibh fein air an ceannsan; tha gam chuairteacha timchioll. 10 Tuite eibhle teith loisgeach orra; tilgear san teine iad, agus san tslochd chum nach eirich iad suas aris. 11 Cha soirbhich duine bruineach air an talamh; fuaduichidh olc a phearsa aingidh g’a chuir bun os cionn. 12 ’S cinntcach mi gu’n diol an Tighearna am bochd agus gu’n seasamh e cuis an neach gun chuideacha. 13 Bheir am firean fos buidheachas do t’ainm: agus buanaichidh n t’ionracan ann a’d’ shealla. [TD 439] Salm cxli. Domine clamavi. A Thighearn, tha mi gairm ort, deansa cabhag thugam; agus thoir fanear mo ghuth ’nuair a ghlaodhas mi riut. 2 Bidh m’urnuidh air a cuir suas a’d’ shealla mar an tuis: agus bidh togail suas mo lamha mar iobairt fheasgair. 3 Cuir faire, O Thighearna, air mo bheul; agus gleidh dorus mo bhilibh. 4 O na aoma mo chridhe gu droch ni sam bith; na bitheam air mo chleachda an oibre ain-diaghidh, leis na daoine tha deanamh aingeachd, ’n teagal gu ’n ith mi do leithid a nithe sa thoilicheas iad. 5 Gu ma fearr am firean gam bhuala gu cairdeil; agus mo chronacha. 6 Ach na briseadh an ioc-shlaintibh priosail so mo cheann: seadh, ni mi fathast urnuidh an aghaidh an aingeachd. 7 Bidh am breitheana air an cuir bun oscionn ann an ionada clachach: chum gu’n cluinn iad m’ fhocail, oir tha iad milis. 8 Tha ar cnamhann a laidhe sgaoilte air bheul-thaobh an t’sluichd: mar an uair a bhriseas agus a ghearas neach fiodh air an lar. 9 Ach seallaidh mo shuilean riutsa, O Thighearna Dhia: annad tha mo dhochas, O na tilg amach m’anam. 10 Gleidh mi o’n ribe a leag iad air mo shon: agus o ghaoiste luchd na haingeachd. 11 Tuite na hain-diaghidh na n’ lionta fein le cheile; agus leig dhamsa dol as am feast. URNUIGH FHEASGAIR. Salm cxlii. Voce mea ad Dominum. GHlaodh mi ris an Tighearna le m’ ghuth; seadh, iodhoin ris an Tighearna rinn mi mo ghearan. 2 Dhoirt mi mach mo ghearain na lathair; agus dh’fhoillsich mi dha mum thrioblaid. [TD 440] 3 ’Nuair bha mo spiorad ann an tuirse, b’ aithne dhuitse mo cheum; ann san t’slighe ’n do shiubhail mi leag iad ribe os iosal air mo shon. 4 Sheall mi fos air mo laimh dheis; agus chunnaic mi nach robh duine da m b’aithne mi. 5 Cha robh aite agam gus an teichin; ’s cha robh curam aig duine air bith do m’ anam. 6 Ghlaodh mi riutsa, O Thighearna, agus thuirt mi; s’tu mo dhochas, agus mo chuibhrionn an tir nam beo. 7 Thoir fanear mo ghearan; oir tha mi air mo thoirt ro iosol. 8 O saor mi o’n dream tha gam ruagadh; oir tha iad tuille is laidir air mo shon. 9 Thoir m’anam a priosan chum gun toir mi buidheachas do tainm; ma dheonuicheas tu dhomh a ni sin, ’n sin tathaichidh am firean am chuideachd. Salm cxliii. Domine, exaudi. CLuinn m’urnuidh, O Thighearna, agus thoir fanear mo mhiann; eisd rium air sga t’fhirinn agus t’ionracais. 2 Agus na toisich ann am breitheanas ri d’ sheirbheiseach; oir ann a’d’ shealla cha bith duine beo air fhirineacha. 3 Oir rinn an namhad m’anam a ruaga, bhuail e mo bheatha sios chum an lar; chuir e mi an dorchadas, mar na daoine bha fada marbh. 4 Uime sin tha mo spiorad air a chradh an taobh stigh dhiom; agus tha mo chridhe bronach an taobh steach dhiom. 5 Gidheadh tha mi cuimhnich air an am a chaidh seachad, tha mi smuainteach air toibre gu leir; seadh, tha mi beachd-smuainteaeh air oibre do lamhsa. 6 Tha mi sineadh mach mo lamha riut; tha m’anam an geall ort mar an talamh tartmhor. 7 Cluinn mi, O Thighearn, agus sin gu luath, oir tha mo spiorad a fas fann; na foluich do ghnuis uam, ’n teagal gu ’m bi mi cosmhuil riusan a theid sios do’n tslochd. 8 O cluinneam do chaoimhneas gradhach gu tra sa mhadain, oir annad tha mo dhochas; foillsich thusa dhomh an tslighe san coir dhomh gluasachd, oir tha mi togail suas m’anam riut. 9 Fuafgail mi, O Thighearna, o’m naimhde; oir teicheam a t’ionnsuidh gu ’m fholach. [TD 441] 10 Teagaisg dhomh a ni sin a dheanamh a thoilicheas tu, oir s’tu mo Dhia; treoirichidh do spiorad gradhach mi gu tir na fireantachd. 11 Beothaich mi, O Thighearna, air sga tainme; agus air sga t’fhireantachd thoir m’anam a trioblaid. 12 Agus ann a’d’ mhaitheas marbh mo naimhde; agus sgrios iadsan uile tha cradh m’anama, oir ’s mise do sheirbheiseach. URNUIGH MHAIDNE Latha xxx. Salm cxliv. Benedictus Dominus BEANNUICHTE gu ’n robh an Tighearna mo neart; a theagaisgeas mo lamhan gu comhrag, agus mo mheoir gu cath. 2 Mo dhochas agus mo dhaingneach, mo chaisteal agus m’ fhear saoruidh, m’fhear dionaidh, ann san cuir mi mo mhuingin; a cheannsuicheas mo phobull a tha fotham. 3 Thighearna, ciod e an duine, gu’m bheil a leithid a mheas agad air; no mac an duine, gu’n tuga’ tu mar sin fanear e. 4 Tha ’n duine cosmhuil ri neo ni; tha uine dol seachad mar sgaile. 5 Lub do neamha, O Thighearna, agus thig anuas: bean ris na beannta’, agus theid deatach uatha. 6 Cuir amach do dhealanach, agus reub iad; tilg amach do shaide, agus sgrios iad. 7 Cuir anuas do lamh on airde; fuasgail orm, agus thoir mi as na huisgeacha mora, agus o laimh na clainn coigreach. 8 Aig am bheil am beul a labhairt air diamhanas; agus is lamh dheas aingeachd an lamh dheasin. 9 Seinnidh mi dhuit óran nuadh, Q Dhe; agus seinnidh mi mola’ dhuit air saltair dheich teuda. [TD 442] 10 Thug thu buaidh do righre; agus shaor thu do sheirbheiseach Daibhi o chunntart a chlaidhe. 11 Teasairg mi, agus saor mi o laimh clainn choimheach; aig am bheil am beul a labhairt air diamhanas, agus is lamh dheas ea-ceart an lamh dheasin. 12 Chum gu ’m fas ar mic suas mar fhiurain oga; agus gu ’m bi ar nigheana mar oisine snaighte an teampuill. 13 Chum gu ’m bi ar gairneala lan agus pailt leis gach gne stoir, gu ’n toir ar caoirich amach milte, agus deich mile na ’r sraidibh. 14 Chum gu ’m bi ar damh laidir gu treabha, ’s nach bi caithe; no tabhairt gu braighdeanas, no gearan na ’r sraidibh. 15 Sonadh an pobull tha na leithid sin do staid; seadh, ’sbeannuicht an pobull ga ’m bheil an Tighearna mar Dhia dhoibh. Salm cxlv. Exaltabo te, Deus. ARduichidh mi thu, O Dhe, mo righ, agus molaidh mi tainm a chaoidh nan cian: 2 Bheir mi buidheachas duit na huile latha; agus molaidh mi tainm a chaoidh nan cian. 3 ’Smor an Tighearna, agus miorbhaileach’s, airidh e air moladh; cha ’n ’eil crioch air a mhordhachd. 4 Molaidh aon linn toibre do linn eile; agus cuiridh iad do chumhachd an ceill. 5 Do m’ thaobhsa, labhram air t’adhra’; do ghloir, do mhola, agus toibre iongantach. 6 Mar sin labhruidh daoine air cumhachd do ghniomhara miorbhuileach; agus innsidh mise fos mu d’ mhorachd. 7 Bidh cuimhnichean do chaoimhnais pailt air fhoillseacha; agus ni daoine ceol mu d’ fhireantachd. 8 Tha ’n Tighearna grasmhor, agus trocaireach; fad-fhulangach, agus mor ann a maitheas. 9 Tha ’n Tighearna gradhach do gach duine; agus tha throcair thar oibre gu leir. 10 Tha toibre gu leir gu d’ mholadh, O Thighearna; agus tha do naoimh toirt buidheachas duit. 11 Tha iad foillsichidh gloir do righeachd; agus a labhairt air do chumhachd. [TD 443] 12 Chum gu ’m bi do chumhachd, do ghloir, agus mordhalachd do righeachd; aithnichte do dhaoine. 13 ’S righeachd shiorruidh do righeachd; agus mairidh t’ uachdranachd air feadh gach uile linn. 14 Tha ’n Tighearna cumail suas gach uile a tha tuiteam; agus a togail suas na h’ uile a tha iosal. 15 Tha suile gach uile a feithe ortsa, O Thighearna; agus tha thu toirt doibh am biadh ann am iomchuidh. 16 Tha thu fosgla’ do laimha; agus a lionadh gach ni beo le pailteas. 17 Tha an Tighearna cothrumach na uile shlighibh: agus naomha na uile oibre. 18 Tha ’n Tighearna fogus dhoibhsin uile tha gairm air; seadh, do mheud sa ghairmeas air gu dileas. 19 Coilionuidh e miann na muintir air am bheil eagalsan: cluinnidh e fos an glaodh agus ni e cobhair orra. 20 Tha ’n Tighearna tearnuidh na h’ uile aig am bheil gradh dha; ach ag sgaoilidh mach ’m fad na hain-diaghaidh gu leir. 21 Labhruidh mo bheul moladh an Tighearna; agus thugeadh gach feoil buidheachas da ainm naomha a chaoidh nan cian. Salm cxlvi. Lauda, anima mea. MOL’ an Tighearn, O m’anam; ’m feadh is beo mi, molaidh mi ’n Tighearna; seadh, cho fhad sa tha bith agam, seinnidh mi moladh do m’ Dhia. 2 O na cuiribh ’ur dochas an prionnsachan, no ’n mac duine sam bith; oir cha ’n’eil cobhair annta. 3 Oir ’nuair theid anail duine amach, pillidh e aris ris an uir: agus ann sin theid a smuainte uile air dith. 4 ’S beannuicht an neach aig am bheil Dia Jacob mar chobhair; agus aig am bheil a dhochas ann san Tighearna a Dhiasan; 5 A rinn neamh agus talamh, an cuan, agus gach uile ni a th’annta; a chumas a ghealla am feast. 6 A chuidicheas iadsan gu coir tha fulang dochoir; a bheathuicheas an t’ocrach. 7 Tha ’n Tighearna fuasgladh daoine a priosun; tha ’n Tighearna toirt radharc do’n dall. [TD 444] 8 Tha ’n Tighearn a cuidichadh leo san a th air tuiteam; tha curam aig an Tighearna do ’n fhirean. 9 Tha curam aig an Tighearna do ’n choigrich, tha e dionaidh an dilachdan agus a bhan-trach; do thaobh slighe an ain-diaghidh, tha e ga toirt bun os cionn. 10 Bidh ’n Tighearna do Dhia, O Shion, na righ am feast; agus air feadh gach linn. URNUIGH FHEASCAIR. Salm cxlvii. Laudate Dominum. O Molaibh an Tighearna, oir ’s maith an ni moladh a sheinn d’ ar Dia; seadh, is aoibhneach agus is taitneach a ni bhi taingeil. 2 Tha ’n Tighearna togail suas Hierusalem; agus a tional ri cheile iarmad Israeil. 3 Tha e leigheas a mhuintir ud gam bheil an cridhe briste; agus a toirt ioc-shlainte a leigheas an ea-cail. 4 Tha e ag innseadh aireamh nan reult; agus gairm orra uile air an ainm. 5 ’S mor an Tighearna, agus ’s mor a chumhachd; seadh, agus tha ghliocas neo-chriochnach. 6 Tha ’n Tighearna togail suas an chiuin; agus bheir e ’n tain-diaghidh sios gu lar. 7 O seinnibh do’n Tighearna le breth-bhuidheachas; seinnibh molaidh air a chlarsaich d’ar Diane. 8 Tha comhducha na neamha le neoil, agus ag ullacha uisge air son na talmhain, agus a toirt air feur fas air na beannta, agus luidhin gu feum dhaoine. 9 A bheir conlach do’n spreidh; agus a bheathuicheas na fithich oga tha gairm air. 18 Cha ’n’eil tlachd aige ann an spionnadh an eich; ni mo tha toil aige an casan duine sam bith. 11 Ach ’s ann tha tlachd aig an Tighearna sa mhuintir air am bheil eagalsan; agus tha cuir an dochas na throcair. 12 Mol’ an Tighearna, O Hierusalem; mol’ an Tighearna, O Shion. [TD 445] 13 Oir rinn e daingean croinn do gheata; agus bheannuich e do chlann an taobh a stigh dhiot. 14 Tha e deanamh sithchaimh ann a’d’ chriocha; agus gu’d lionaidh le min-mhin a chruineachd. 15 Tha e cuir mach aithne air thalamh; agus tha fhocal ruidh gu ro luath 16 Tha e toirt sneachd mar olain; agus a sgaoileadh ’n liath-reodha mar luaithre. 17 Tha e tilgeadh mach eithe mar ghreimeana; co is urra seasamh ri a reodha. 18 Tha e cuir mach fhocal, agus gan leaghadh; tha e seideadh a ghaoth, agus tha na huisgeacha a sruthadh. 19 Tha e foillsich fhocal do Jacob; a statuis agus a bhreitheanais do Israeil. 20 Cha do bhuin e mar sin ri cinneach sam bith: ni mo tha eolas aig na cinnich air a lagh. Salm cxlviii. Laudate Dominum. O MOLAIBH’s Tighearna neamha; molaibh’s e san airde. 2 Molaibh e sibhs uile Ainglibh; molaibh’s e, a shluagh gu leir. 3 Molaibh’s e a ghrian s’a ghealach; molaibh’s e sibhs a reulta gu leir agus a sholuis. 4 Molaibh e sibhs a neamha uile: agus sibhse uisgeacha tha os cionn na neamha. 5 Molaidh iad ainm an Tighearna; oir labhair e ’m focal, agus rinne iad, thug e aithne, agus chruthaiche iad. 6 Rinn e daingean iad gu saoghal nan saoghal; thug e dhoibh reachd nach bi air a bhriseadh. 7 Molaibh an Tighearna air thalamh: sibhs a dhragoin agus uile dhoimhneachda. 8 Sibhs teine agus clocha meallain, sneachd agus ceo; sibhs gaoith agus sion, a coilionadh fhocail. 9 Sibhs bheannta agus gach uile chnoc; sibhs craobha torrach agus gach uile shedar; 10 Sibhs ainmhidhe agus gach uile spreidh; sibhs cnuime agus eoin iteagach. 11 Sibhs righre na talmhain agus gach uile chinneach; sibhs prionnsachan agus uile bhreitheana an domhan. [TD 446] 12 Sibhs daoine og agus maighdeana, seann daoin’ agus clann molaibh ainm an Tighearna; oir se ainm amhain tha oirdhearc, agus a mholadh os cionn neamh agus talamh. 13 Arduichidh e adharc a phobull, molaidh a naoimh gu leir e; iodhoin clainn Israeil, iodhoin an pobull tha tabhairt seirbheis da. Salm cxlix. Cantate Domino. O Seinnibh do ’n Tighearn oran nuadh; moladh coithional na naoimh e. 2 Deanadh Israeil gairdeachas annsan a rinn e; agus bidh clann Shion aoibhneach nan righ. 3 Moladh iad ainm san damhsa; seinneadh iad mola’ dha le tiompan agus clarsach. 4 Oir tha tlachd aig an Tighearna na phobull; agus cuidichidh e iadsan aig am bheil cridhe ciuin. 5 Bidh na naoimh aoibhneach le gloir; deanadh iad gairdeachas nan leabuiche. 6 Bidh moladh Dhe nam beul; agus claidhe da fhabhoir n n lamha. 7 Chum dioghaltas a gabhail air na cinnich; agus an pobull a smachducha. 8 Chum an righre a cheangal an geimhlidh; agus a mor-uaislin le failbheaga iaruin 9 Chum dioghaltas a dheanamh orra, mar tha e scriobhta; tha leithid sin a dh’onair aig na naoimh gu leir. Salm cl. Laudate Dominum. O Molaibh’s an Tighearn’ ann a naomhachd; molaibh’s e an speuraibh a chumhachd. 2 Molaibh’s e na ghniomhara uasal; molaibh’s e a reir a mhorachd oirdhearc. 3 Molaibh’s e ann am fuaim na trompaid; molaibh’s e air an t’ saltair agus air a chlarsaich. 4 Molaibh’s e le tiompan agus san damhsa; molaibh’s e air na teuda agus air a phiob. 5 Molaibh’s e air na siombala deadh-ghleusta; molaibh’s e air na siombala ard-ghuthach. 6 Sibhs gach ni aig am bheil anail molaibh’s an Tighearna. [TD 447] FOIRMEAN URNUIGH, Chum a bhith air a gnathacha air Muir. ¶ Bithidh ’n seirbheis Mhaidne agus Fheasgair a tha gach latha gu bhith air an cleachdain air Muir, a reir mar tha e air orducha ann an leabhar na Urnuigh Gnathachte. ¶ Tha ’n da urnuigh so leanas ri bhith air an cleachdain mar ’n ceudna ann an Cabhlach a m’horachd na h’uile latha. O Thighearna Dhe shiorruidh, ann ti tha mhain a sgaoileadh mach na neamha; agus a riaghlacha onfhadh na fairge; a chuairtuich na huisgeachan le criocha gus an d’thig la agus oidhche gu crich; mu se do thoil e, gabh sinne do sheirbheisich agus an cabhlach ann sa bheil sinn a deanamh seirbheis, fuidh do dhion uile-chumhachdach agus ro ghrasmhor. Sabhail sinn o chunarta na fairge, agus o fhoirneart a namhaid; chum ’s gu m bi sinn nar dion d’ar n’ard Thighearna ro ghrasmhor Righ Seorsa agus a Righeachdan, agus nar tearmunn da m’heud sa ghluaiseas air na cuantibh mu’n gnothachidh laghail; a chum s’ gu ’n dean luchd-aiteach ar ’n Eilain seirbheis duitse ar Dia, ann sith agus ann saimh, agus a chum ’s gu’m pill sinn ann an tearuntachd a shealbhachadh beannacha an talamh, le toradh ar saoireach; agus le cuimhnichean taingeil air do throcairibh chum t’ainm naomha mholadh agus a ghlorachadh, tre Josa Criosd ar Tighearna. Amen. An Urnuigh. BI roimhain, O Thighearna, ann ar n’uile ghniomhara, le d’ chaoi’neas ro ghrasail, agus thoir air ar n’aghaidh sinn le d’ ghna chomhnadh, a chum ann ar n’uile oibre a thoisich, a bhuanaich, agus a chriochnuich ann-ad-sa, gu’n toir sinn gloir do t-ainm naomh, agus fa dheoigh le d’ throcair gu ’m faigh sinn a bheatha mhairtheanach, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. [TD 448] ¶ Urnuighean chum bhith air an gnathacha air Muir ann an am Doinionn. O THIGHEARNA Dhe ro-chumhachdaich agus ghlor mhor, air t’aithne seididh na gaoithe, leis an togar tonna na fairge, agus a ’s tu chuireas na tosd a h’onfhadh mar ’n ceudna; tha sinne do chreatuirean, ach peacairean truagh, a glaodhaich riut ann an son ar mor theinn air son comhna: sabhail sinn, O Thighearna, no theid finn a mugha. Tha sinn ag aideacha, nuair a bha sinn sabhailt, agus a chunnaic sinn gach ni ann an saimh mu’n cuairt duinn, gu do dhi-chuimhnich sinn thusa ar Dia, agus do dhiult sinn eisteachd ri fuaim shaimheil t’fhocail, agus umhlachd thoirt do t’aitheanta. Ach a nis, tha sinn a faicsin cia uabhasach thu’ ann a t’uile oibre iongantach; thus an Dia mor is coir eagal a ghabhail romhad os cionn na h’uile; agus uime sin tha sinn toirt adhradh do d’ mhorachd dhiaghaidh, aig aideacha do chumhachd, agus ag aslach do mhaitheas. Cuidich sinn, a Thighearna, agus sabhail finn air sga do throcair, ann an Josa Criosd do Mhac, ar Tighearna. Amen. ¶ No so. O Thighearna Dhia, ro ghlormhor agus ghrasmhor, a tha chomhnuidh air neamh, ach a tha ’g amharc air gach ni tha bhos, amhairc a nuas, tha sinn ag aslach ort, agus eisd ruinn a tha glaodhaich amach a doimhne na doghruinn, agus o pheirclibh a bhas so, a tha nis deis chum ar sluga suas; sabhail sinn, a Thighearna, no theid sinn a mugha. An droing a bhios beo, an droing a bhios beo, molaidh iad thu. O cuir amach focal do smachd a chronucha na gaotha buaireasach, agus an fhairge bheucach; a chum ’s air dhuinne bhith tearuinte o n teinn so, gu ’n bitheadhmid beo gu seirbheis a dheanamh dhuit, agus a chum gloir a thoirt do t’ainm re uile latha ar beatha. Eisd ruinn, a Thighearn, agus teasairg sinn, air sga toilteanais neo-chriochnach ar Slanuighfhear beannuichte do Mhac ar Tighearna Josa Criofd. Amen. Ann Urnuigh tha ri radh roimh Chogadh an aghaidh naimhid air Muir. O Thighearna Dhe ro chumhachdach agus ghlormhor, Tighearna nan sloigh, a tha riaghladh agus aig orducha nah’uile nithe, tha thu d’ shuidhe air a chathair a toirt breith [TD 449] cheart; agus uime sin tha sinn a deanamh ar ’n achuinge ri d’ mhorachd neamhaidh ann ar n’ eigin; chum s’ gu’n gabhadh thu an chuis ann a’d’ laimh fein, agus breith thoirt eidir sinn s’ ar naimhdibh. Duisg suas do neart, O Thighearna, agus thig agus cuideach sinn, oir cha ’n ’eil thu do ghna toirt buaidh do’n dream tha laidir, ach tha thu comasach air sabhala’ le moran agus le beagan. O na glaodhadh ar peacana nar n’aghaidh anis air son dioghaltais; ach eisd ruinne do sheirbheiseich thruaigh, ata ag guidhe trocair agus ag iarruidh do chobhair, chum ’s gu ’m bithidh tu a’d’ thearmun duinn an aghaidh gnuis an namhaid. Bitheadh e air a nochda gu ’r d’thusa ar Slanuighfhear agus ar fear-saoruidh trein, tre Josa Criosd ar Tighearna. Amen. Urnuighean ghaoirrid air son muintir nan aonar do nach urradh cruinneacha n’ ceann a cheile, ann n’urnuigh maille ri muintir eile, leis a chath na Doinion. Urnuighean coitchion. A Thighearna, bi trocaireach dhuinne peacairean, agus saor finn air sga do throcair. S’tusa an Dia mor, a rinn agus a tha riaghladh na h’uile nithe: O sabhail sinn air sga t’ainme. S’tu an Dia mor a’d’ chuis eagal os cionn na ’n uile: O sabhail finn, chum s gu mol’ finn thu. Urnuighean sonright do thaobh namhad. THA thusa, O Dhe, ceart agus cumhachdach: O dion ar cuis an aghaidh gnuis an namhaid. O Dhe, tha thusa a’ d’ dhaingnich do gach uile neach a theicheas a t’ ionnsuidh; O saor sinn o fhoirneart a namhaid. O Thighearna nan sluagh, cuir arcath air ar son, ach um ’s gu’n d’thugamid gloir dhuit. O na leig duinne tuiteam fo ualach ar peacana fein, no foirneart a namhaid. O Thighearna, cuidich sinn, agus saor sinn, air sga t’ainme. [TD 450] Urnuighean gaoirrid a thaobh Doinionn. THus, O Thighearn, a chuireas na tosd onfhadh na fairge; eisd ruinn, eisd ruinn, agus sabhail sinn, a chum nach d’theid sinn a mugha. O Shlanuigh-fhear bheannuicht, a rinn do dheisciobluibh a shabhala bha ullamh gu dol a mughadh ann an doinion: eisd ruinn, agus sabhail sinn, tha sinn ag iarruidh ort. A Thighearna, dean trocair oirn. A Chriosd, dean trocair oirn. A Thighearna, dean trocair oirn. O Thighearna, eisd ruinn. O Chriosd, eisd ruinn. Dia an t’Athair, Dia a Mac, Dia a Spiorad Naomh, dean trocair oirn, sabhail sinn anis agus gu brath. Amen. AR n’ Athair ata air neamh, naomhaichear t-ainm. Thigeadh do rioghachd. Deanar do thoil air an talamh mar a dheantar air neamh. Tabhair dhuinn an diu ar n-aran lathail. Agus maith dhuinne ar ciontaidh, mar a mhaitheas sin dhoibhsin a chiontuicheas n-ar n-aghaidh. Agus na leig ann buaireadh sinn, ach saor sinn o olc; oir is leatsa an rioghachd agus a chumhachd, agus a ghloir, gu siorruidh agus gu siorruidh. Amen. ¶ Ann an am gabhadh mor thig sgeobadh na luinge ra cheile, gu aidmh a iriosal na peacana a dheanamh do Dhe; annsa a bu choir da gach aon chuimhnichadh a peacana fein; ag radh mar a leanas. An Admhal. A Dhe uile chumhachdaich, Athair ar Tighearn Josa Criosd, a Chruith-fhear nan uile nithe, a Bhreitheamh nan uile dhaoine; tha sinn ag aideachadh agus ag caoidh ar peacidh agus ar n-aingeachd lionmhor, a rinn sinn o am gu h-am gu ro uamhara, le smuainte, le focal, agus le gniomh, an aghaidh do mhorachd dhiaghaidh, a brosnuchadh t-fheirg agus do chorruich gu ro cheart n’ a’ ar n-aghaidh fein. Tha aithreachas durachdach, agus tha bron cridhe oirn air son ar mi-ghniomhara: tha ’n cuimhne a cuir doilgheas oirn, tha an uallach do-fhulang. Dean trocair oirn, dean throcair [TD 451] oirn, Athair ro throcairich; air son do Mhic ar Tighearna Josa Criosd, maith dhuinn gach ni chuaidh seachad, agus deonuich gu ’n dean sinn gu brath an deigh so, seirbheis dhuit, agus do thoileachadh ann nuadhachd beatha, chum gloir agus onoir t-ainm, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An deidh sin their an Sagart, mo bhios aon ann sin, an fuasgladh-eaglas so. A Dhia uile chumhachdaich ar n’Athair neamhuidh, a gheall d’a mhor trocair maitheanas peacaidh dhoibh-sin uile a philleas d’a ionnsuidh le h-aithreachas cridhe agus le fior chreidimh; gu ’n deana se trocair oirbh, gu ’n tugadh e maitheanas dhuibh, agus gu ’n saoradh e sibh o bhur n’ uile pheacaidh, gu ’n daingnicheadh e sibh ann san uile mhaitheas, agus gu ’n tugadh e sibh gu beatha shiorruidh, trid Josa Criosd ar Tighearna. Amen. Breith-bhuidheaehas ann diaigh Doinion. Salm lxvi. Jubilatc Deo. O Bithidh aoibhneach ann ar Dia a dhuchana uile; seinnibh moladh do onair ainm sin, thugaibh air a mhola’ a bhi glormhor. Abraidh ri Dia, O cia iongantach thu ann a’d’ oibre; tre mhead do chumhachd gheibhear do naimhde na ’m breagaire dhuit. Oir ni ’n saoghal gu leir aodhradh dhuit; ni e ceol duit, agus molaidh e tainm. O thigibh an so agus faicibh oibre Dhe; cia iongantach a tha e ’na dheanadas do chlann nan daoine! Thionda e ’n cuan gu talamh tirim; gus an deach iad tre ’n uisge air an cois, ’n sin rinn sinne gairdeachas uime sin. Tha e riaghlacha’ le chumhachd gu siorruidh, tha shuilean a faicin an tsluaigh; agus cha ’n urra a mhead s nach creid iad fein arducha. O molaibh ar Dia sibhs a shluaigh; agus thugaibh air guth a mholadh a bhi ghlormhor. ’N ti tha cumail ar n’anma ann am beatha; s nach ’eil a ceaducha’ d’ar casan sleamhnucha. [TD 452] Oir dhearbh thusa sinn, O Dhe; dhearbh thu fos finn, mar dhearbhar airgiod. Thug thu sinne san ribe; agus leag thu trioblaid air ar leasraidh. Cheaduich thu do dhaoine marcach thair ar cinn; chaidh sinn tre theine agus uisge, agus thug thu mach sinn gu aite saibhir. Theid mi dh’ionnsuidh do thighe le tabhartais loisgt; agus iocaidh mi dhuit mo mhoidean, a gheall mi le m’ bhile, s a labhair mi le ’m bheul nuair bha mi ’n trioblaid. Tairgidh mi dhuit iobairt loisgte reamhar, le tuis reitheachan; tairgidh mi tairbh agus gabhair. O thigibh ann so, agus eisdibh, sibhse uile air am bheil eagal De: agus innsidh mi dhuibh ciod a rinn e air son m’ anam. Ghair mi air le m’ bheul; agus thug mi moladh dha le m’ theangaidh. Ma dhaomas mi gu haingeachd le m’ chridhe: cha chluinn an Tighearna mi. Ach chuala Dia mi; agus thug e fanear guth m’ urnuidh. Moladh do Dhia, nach do thilg amach m’urnuidh; s nach do thionda throcair uam. Salm cvii. Confitemini Domino. O Thugaibh taing do’n Tighearna, oir tha e grasmhor; agus mairidh a throcair gu siorruidh. Thugeadh a mhuintir taing do’n Tighearn a shaor e: agus a dh’fhuasgail e o laimh an namhad. Agus a thionail e as na thiribh, o’naird an ear, agus o’n aird an iar; o’n airde tuath, agus deas. Chaidh iad air seachran as an tslighe ann san fhasach; agus cha d’fhuair iad baile gu comhnuicha ann; Ocrach agus iotmhor: dh’fhannaich an anma annta. Mar sin ghlaodh iad ris an Tighearna na ’n trioblaid; agus dh’fhuasgail e iad o’n teann eigin. Threoruich e iad amach air an tslighe cheart; chum gu ’n racha iad dhionnsaidh a bhaile s na ghabh e comhnuidh. O gu’n tuga daoine mola’ do’n Tighearna air son a mhaitheas; agus gu’n cuiridh iad an ceill na hiongantais tha e deanamh air son clainn nan daoine! [TD 453] Oir sasuichidh e ’n tanam falamh; agus lionadh e ’n tanam ocrach le maitheas; Mheud ’s tha suidhe ’n dorchadas, agus an sgaile bhais; air bhith dhoibh ceangailt gu teann an truaighe, agus an iarunn. Thug e sios an cridheacha fos le tuirsadh; thuit iad sios, agus cha robh aon neach a dheana cobhair orra. Mar sin ’nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna na ’n trioblaid; dh’fhuasgail e orra as an teann eigin. Oir thug e iad a dorchadas, agus a sgaile a bhais; agus bhris ’n cuibhriche na’m bloide. O gu mola’ daoine uime sin an Tighearna air son a mhaitheas; agus gu’n cuiridh iad an ceill na hiongantais tha e deanamh do chlainn nan daoine! Oir bhrist e na geatacha prais; agus bhuail e na croinn iaruinn na ’m bloide. Tha na hamadain air an sgiursa air son nan peacadh; agus air son an aingeachd. Ghabh an anma fuath do gach gne bhith; agus s beag nach robh iad iodhoin aig doruis a bhais. Mar sin ’nuar a ghlaodh iad ris an Tighearna na ’n trioblaid; dh’fhuasgail e orra as an teann eigin. Chuir e mach fhocal, agus leighis e iad; agus shabhala e iad o an doruinn. O gu mola’ daoine an Tighearna air son a mhaitheis; agus gu’n cuiridh iad an ceill na hiongantais tha e deanamh do chlainn nan daoine! Gu’n tairge iad dha iobairt breith-bhuidheachas; agus gu ’n innse iad amach a oibre le haoibhneas! A mhuintir theid sios do’n chuan ann an loingeas; agus tha cuir an gniomh an gnothaiche ann s na huisge mora. Tha iad sin a faicin oibre an Tighearna; agus iongantais san doimhneachd. Oir le ghuth eiridh a ghaoth stoirmeil; a thogas suas a thonna. Tha iad air an giulan suas gu neamha, agus sios aris do ’n doimhneachd; tha ’n anma a leatha as leis an trioblaid. Tha iad air an luasgadh thuig agus uaithe, agus ag tuislidh mar dhuine misgeach; agus tha iad aig ceann an ceill. Mar sin ’nuair a ghlaodhas iad ris an Tighearna nan trioblaid; saoraidh e iad as an teann eigin. [TD 454] Oir bheir e air an dointhion sgur; ionnas gum bheil a tonna samhach. ’N sin tha iad ait, cheann gu’m bheil iad aig fois; agus mar sin bheir e iad do’n chala gus am b’aill leo dol. O gu mola’ daoine uime sin an Tighearna air son a mhaitheas; agus gu’n cuiridh iad an ceill na hiongantais tha e deanamh do chlainn nan daoine. Gu’n arduiche iad e fos ann co-thional an phobull; agus gu moladh iad e ann an cathair nan seanaire! ’N ti thionda na tuilte gu fasach; agus a thirmicheas suas na tobair uisge. Tir thorach ni e neo-thorach; air son aingeachd na muintir tha chomhnuidh innte. Aris, ni e m fasaich na uisge tamha; agus tobruiche uisge nan talamh tirim. Agus ann an sin cuiridh e na mhuintir tha ocrach; chum gun tog iad baile gu comhnucha ann. Chum gu’n cuir iad am fearan, agus gu’n suidhich iad garachan fiona; a thoirt dhoibh tòradh chum fas. Tha e gam beannucha, ionnas gu fas iad gu hanabarach lionmhar; agus cha leig e do’n spreidh fas tearc. Agus aris, ’nuair tha iad air laghducha agus air an toirt iosal; tre fhoir-eigne, tre phlaigh na trioblaid sam bith. Ge’d’ cheaduich e dhoibh bhi air an sarughadh tre ain-tighearnan; agus ge do leige dhoibh dol air anra’ as an tslighe fan fhasach; Gidheadh cuidichidh e ’m bochd as a thruaighe: agus ni e dha teaghlach mar thread chaorach. Beachduichidh ’m firean air a so agus ni e gairdeachas; agus bithidh beul na haingeachd uile air a dhruide. Co air bith tha glic bheir e fanear na nithe sin: agus tuigidh iad caoimhneas gradhach an Tighearna. Urnuighean Breith-bhuidheachais. O Thighearna Dhe ro-bheannuighte agus ghlormhor, aig am bheil maitheas agus trocair neo-chriochnach. Tha finne do chreatairean bochd, a rinn agus a shabhail thu, aig cumail ar anma ann am beatha, agus air an am so g’ar dionadh o pheirclibh a bhais, a teachd aris gu humhla an lathair do mhordhalachd Dhiaghaidh, chum moladh agus breith-bhuidheachais a thoirt air son gu’n d’eisd thu ruinn, nuair a ghairm sinn [TD 455] ort ann ar trioblaid, agus nach do dhuilt thu ar n’urnuigh, a chuir sinn suas a t’ionnsuidh ann ar mor theinn; iodhoin nuair a smaoinich sinn gach ni cailte, ar long, ar bathar, ar beatha fein, ann sin dhamhairc thu oirn, gu trocaireach agus dh’orduich thu gu hiongantach saorsa; Uime sin, air dhuinn a bhith nis ann an tearuntachd, tha sinn toirt gach uile mholadh agus gloir do t’ainm naomha, tre Josa Criosd ar Tighearna. Amen. No so. O DHE ro-threin agus ghrasmhor, tha do throcair os cionn toibre gu leir, ach tha air mhodh sonruight air a sineadh mach d’ar taobhsa, a rinn thu dhionadh cho ro-chumhachdach agus cho ro-iongantach. Thaisbeinn thu dhuinn nithe eagalach, agus iongantais ann san doimhneadh, a chum s gu ’n faiceamaid cia cumhachdach agus grasmhor ’n Dia thusa; cia comasach agus ullamh chum comhnadh a dheanamh dhoibhsin a chuireas an earbsa annad. Dh’fheuch thu dhuinne cia mar tha araon na gaoith agus na fairgibh toirt geill do t’aithne; a chum s gu’n fheud sinn a fhaoghlum uapa, ann diaigh so a bhith umhla do’d’ ghuth, agus do thoil a dheanamh. Tha sinn uime sin a toirt cliu agus gloir do t’ainm air son do throcair so ann ar sabhala, nuair a bha sinn ullamh gu dol a mugha. Agus tha sinn a guidhe ort, dean sinn anis cho fhior mhothachail mu d’ throcair, ’s a bha sinn ann sin mu’n a chumhnart: Agus thoir dhuinn do ghnath cridheachan ullamh a chuir an ceill, ar bhuidheachais, cha nan amhain le ’r briathra’, ach mar an ceudna le’r caithe-beatha, ann a bhith ni ’s umhla do t’aitheantaibh naomha. Buanich, tha sinn ag guidhe ort, do mhaitheas dhuinn, chum ’s gu’n dean finne, a rinn thu thearna, seirbheis duit ann a naomhachd agus ann am fireantachd re uile laithe ar beatha, tre Josa Criosd ar Tighearna agus ar Slanuighfhear. Amen. Laoidh mholadh agus breith bhuidheachais ann diaigh doinion gharbh. O Thigibh thugamid buidheachas do’n Tighearna, oir tha e grasmhor, agus mairidh a throcair gu siorruidh. S’mor an Tighearna, agus gu mor ri bhith air a mholadh; abradh iadsan so a shaor an Tighearna; a rinn e shabhala o onfhadh neo-thruacanta na fairge. [TD 456] Tha n’ Tighearna grasmor agus truacantadh, mall a chum feirg, agus mor an trocair. Cha do bhuin e ruinn a reir ar peacana; ni mo thug e luigheachd dhuinn a reir ar aingeachd. Ach mar tha na neamha ard oscionn na talmhuin; s’ceart cho mhor a bha throcair da r thaobhne. Fhuair sinn trioblaid agus tursadh; bha sinn eadhon aig dorus a bhais. Cha mhor nach do chomhduich uisgeachan na fairge sinn; char mhòr nach deach na huisgeachan uabhasaich thair ar n anma. Bheuchd an fhairge; agus thog a ghaoth dh’oinionach suas a tonna mar an ceudna. Bha sinn air ar giulan suas mar gu m’ b’ann gu neamh, agus sios aris do ’n doimhne; leagh air n’anam ann toabh a stigh dhinn, do bhri ar trioblaid; Ann sin ghlaodh sinn ruitse, O Thighearna; agus shaor thu sinn as ar teinn. Gu ma beannuight’ gu n’ robh tainm, nach d’rinn di-mheas air urnuigh do sh’eirbheiseich; ach a dheisd r’ar gloadh, agus a shabhail sinn. Chuir thu mach t’aithne; agus bha onfhadh na gaotha na tosd, agus bha i air a caochladh gu ciuine. O molamaid uimé sin an Tighearna arson a mhaitheis; agus cuireamid ann ceil na miorbhuille a rinn e, agus tha e ghnath a deanamh arson clann nan daoine! Gu n’ robh an Tighearna air a mholadh na h’uile latha; iodhoin an Tighearn’ a tha ga r cuideachd, agus a dortadh mach a thiolaca oirn. I’s e ar Dia, eadhon an Dia o n’ th’ thig slainte; se Dia an Tighearn tre n’ do theachuin sinn an bas. S’tusa, a Thighearna, rinn aoibhneach sinn tre deanadas do lamha; agus ni sinn gairdeachas annad chliu. Gu ma beannuight gu n’ robh an Tighearna Dia; eadhon ann Tighearna Dia, a tha amhain deanamh guiomhara iongantach; Agus gu ma beannuight gu n’ robh Ainm a Mhorachd gu siorruidh; agus abradh gach aon againne, Amen, Amen. Gloir do’n Athair, agus do’n Mhac, agus do’n Spiorad Naomh; Mar bha ’n ’tus ata anis, agus bhitheas gu brath; saoghal gun chrich. Amen. [TD 457] 2 Cor. xiii. 14. GRAS ar Tighearna Josa Criosd, agus gradh Dhe, agus co-chomunn an Spiorad Naomh, gu’n robh maille ruinn anis agus gu siorruidh. Amen. Aig Adhlaca’ nam Marbh air Muir. ¶ Fcudar an Oifige tha ann an Leabhar na gnath-urnuigh a ghnathacha; ach ann aite na ’m briathribh sin [tha sinn uime sin a thabhairt a chuirp do ’n talamh, talamh do thalamh, agus mar sin] abair, THA sinn uime sin a toirt thairis a chuirp do ’n doimhne, gu bhith air a thionda gu truailleachd, ag amhairc ri eis-eirigh a chuirp (nuair a bheir an fhairge suas a mairbh) agus beatha an t’saoghail tha chum teachd, trid ar Tighearna Josa Criosd, an ti, ’nuair a thig e, a dh’athruicheas ar coirp bhrein, chum ’s gu’m bi e coslach r’a chorp glormhor fein, a reir na h’oibre cumhachdach, leis am bheil e comasach gach ni cheansacha dha fein. [TD 458] NA XXXIX. PONCAN A CHREIDIMH. I. Mu chreidimh ann san Trionaid Naomh. CHa ’n ’eil ann ach aon Dia beo fior, bi-bhuan, gun chorp, buill, na fulangais; aig a m bheil cumhachd, gliocas, agus maitheis neo-chriochnach; Cruithfhear agus fear coimhead, na n’ uile nithe mar aon faicsineach agus neimh fhaicsineach: Agus ann an aonachd na Diagheachd so tha tri Pearsaibh, a dh’aon tabhachd, cumhachd, agus siorruidheachd; an t’Athair, a Mac, agus an Spiorad Naomh. II. Mu ’n Focal na Mac Dhia, a bha air a dheanamh na fhior dhuine. A Mac, an neach a se focal an Athar, a bha air a ghintinn o shiorruidheachd leis ann Athair, an Dia fior agus bi-bhuan, a dh’aon ghne ris ann Athair, ghabh e nadar an duine ann am broin na hoighe bheannuight, d’a tabhachd; mar so bha da nadar iomlan agus fhoirfe, se sin ri radh, an Diagheachd agus an daonachd, air an cuir ra cheile ann an aon phearsa, gu ’n bhith chaoidh air an dealacha; da m’ bheil aon Chriosd, fior [TD 459] Dia, agus fior Dhuine; a dh’fhuiling gu firinneach, do cheusadh, do fhuar bas, agus do adhlacadh, chum an Athair ath-reiteach ruinne, agus a bhith na iobairt cha ni mhain air son peaca gineadh, ach mar an ceudna air son peacana gniomh dhaoine. III. Mu dhol sios Chriosd a dh’ Ifrinn. MAr a bhasaich Criosd air ar son, agus a bha air adhlacadh; mar so mar an ceudna tha e gu bhith air a chreidsin, gu’n deach’ e sios a dh’ifrionn. IV. Mu Eis-eirigh Chriosd. DH’eirigh Criosd do rireadh a ris o’n bhas, agus ghabh e na ionnsuidh aris a chorp, maille ri feoil, cnamha, agus na huile nithe a bhuineas do iomlaineachd Nadar an duine; leis an deach’ e suas gu neamh, agus tha e ann sin na shuidhe, gus an d’thig e air ais a thoirt breith air gach uile dhuine aig an latha dh’eireannach. V. Mu’n Spiorad Naomha THa an Spiorad Naomh, a teachd amach o’n Athair agus o’n Mhac, dh’aon tabhachd, mordhalachd, agus gloir, ris an Athair agus a Mhac, na Dhia fior agus siorruidh. VI. Mu Fhoghainteachd na ’n Scriptuiribh Naomha, chum slainte. THA air a chuir sios sa ’n Scriobtur Naomh na huile nithe feumal chum slainte; a chum s ciod sam bith nach ’eil air a leughadh ann an sin, ’s nach fheud a bhith air a choducha leis, cha ’n ’eil e air iarruidh air duine air bith, gu bhith air a chreidsin mar phonc do’n chreidimh, no gu bhith air a smaoineach iomchuidh no feumail a chum slainte. Ann an ainm an Scriptuir Naomh tha sinn ra-thuigsin Leabhraichean riaghailt an t’sean Tiomna agus ann Tiomna-Nuadh, mu ’n ughdarras nach robh teagamh riamh san Eaglais. Mu ainmean agus aireamh leabhriche riaghailt na h’Eaglais. Ginealach. Ecsodus. Lebhiticus. Aireamh. Deutoronomi. Ioshua. Breitheanna. Rut. [TD 460] Ceud leabhar Sham. Dara leabhar Sham. eud leabhar nan Righ. Dara leabhar nan Righ. Ceud leabhar nan Each. Dara leabhar nan Each. Ceud leabhar Esdrais. Dara leabhar Esdrais. Leabhar Esther. Leabhar Job. Na Sailm. Na Gna-fhocla. Ann Sermonaich. Na Canticles, no Oran Sholamh. Na Ceithir Faidhean s’mugha. An da Fhaidhe dheug a s’lugha. Agus na leabhrichean eile (mar a deir Hieram) tha ’n eaglais a leaghadh a chum eisiomplair beath agus foluim beusibh; ach gidheadh cha chleachdar iad a dhaingneach teagasg sam bith a leithid ’s iad so a leannas. Treas leabhar Easdrais. Ceathramh leabhar Easdrais. Leabhar Thobias. Leabhar Tudit. A chuid eile leabhar Esdrais. Leabhar Ghliocais. Iosa Mac Sirac. Baruc am Faidhe. Oran ann Triuir Chloinne. Naidheachd Susanna. Mu Bhel agus an Dragon. Urnuigh Mhanassah. Ceud leabhar na Maccabeus. Dara leabhar na Maccabeus. Uile leabhraichean an Tiomna Nuadh, mar tha iad gu coitchion air an gabhail, tha sinne g’an gabhail agus g’an measidh mar le ughdarras. VII. Mu ’n t’Sean-Tiomna. CHA ’n ’eil an Sean-Tiomna, ann aghaidh an Tiomna-Nuadh; oir san t’sean-Tiomna agus san Tiomna Nuadh, tha beatha bhi-bhuan air a tairgse do ’n chinne-daoine tre Chriosd, ann ti a ’s aon Eadar-mheadhonar eidir Dia agus duine, air dha bhith na Dhia agus na Dhuine. Uime sin cha ’n ’eil iad ri bhith air an cluintin, a tha cumail amach gu ’n robh na sean airichean amhain aig amhairc ri gealluibh aimsireil. Ge nach ’eil an lagh thug Dhia le Maois a thaobh deasgnath agus riaghailte, cheangail daoine Criosdidh; ni mo bu chubhidh da reachda laghail do eigin a bhith air an gabhail a dh’ionnsuidh staid sam bith riaghailt; gidheadh, cha ’n ’eil Criosadidh sam bith saor o umhlachd thoirt do n’ aitheantibh a tha air an gaoirm aitheantibh na Mothannibh. VIII. Mu na tri Creudan. IS coir na tri Creudean, Creud Nise, Creud Athanasios, agus sin a tha mar is trice air gairm Creud na ’n Abstol, [TD 461] a bhith air an gabhail agus air an creidsin gu hiomlan; oir feudidh iad a bhith air ann codacha le fior bharantais o ’n Scriobtar Naomh. IX. Mu Pheaca Gine no Breith. CHA ’n ’eil peaca ginne aig seasamh ann an leantuin Adhamh (mar tha na pelagianich gu diomhain a labhairt) ach s’e coire agus truailleachd nadar na huile duine, a tha gu nadarach air a ghineadh do shliochd Adhamh; leis am bheil duine air tighn fada o’n ceud fhireantachd, agus a tha thaobh nadair air aomadh chum uilc, mar sin do bheil an fheoil do ghath miannach ann aghaidh ann Spioraid, agus air an aodhbhar-sin ann s gach neach tha air a bhreith san t’saoghal so tha e toiltean corruich agus diotadh Dhe. Agus tha ’n puisain nadair so air marsin; seadh, annta sin tha air an ath-ghinmhuin; leis nach bheil miann na feola, air a chantuin ann an Greigais, φρονημα ταρκος leis am bheil cuid a ciallach gliocas, cuid feolmharachd, cuid anamian, cuid eile toil na feola, umhla do lagh Dhia. Agus ge nach ’eil dite air bith dhoibhse tha creidsin agus tha air am baisde, gidheadh tha ’n abstol aig aidbheil, gu bheil aig togra agus mian ana-cneast, dheth fein nadar a pheacidh. X. Mu shaor thoil. THA staid ann duine ann diaigh tuiteam Adhamh, na leithid ’s nach urrain e pilltin agus e fein ullacha chum creidimh, agus gairm air Dia, le neart nadarach agus a dheagh oibre fein; uime sin, ni ’n comas duinn oibre maith, taitneach, agus ciatach a dheanamh do Dhia gu’n ghrasa Dhia, tre Chriosd ga ’r riomh-stiura, a chum s gu’m bi toil mhaith againn; agus aig coimh-oibrcacha ruinn ’nuair a bhitheas ann deagh thoil sin againn. XI. Mu Fhireanacha an Duine. THA sinn air ar measa fireanach ann lathair Dhia, mhain air son toiltineas ar Tighearn, agus air Slanuigh-fhear Josa Criosd tre chreidimh, agus ni hann air son ar n’oibre no air toiltinisibh fein; uime sin, gu bheil sinne air ar fireanachadh tre chreidimh amhain, is teagasg ro fhalain e, agus ro lan comh-fhurtachd, mar tha e air a chuir ann ceill ni ’s mo, ann an hoimili an fhreanacha. [TD 462] XII. Mu dheagh oibre. GE nach fheud deagh oibre, an ni a s iad torruidh na creidimh, agus a leanas an diaigh fireanacha, ar peacana a chuir air falbh, agus gairge breitheamhnais Dhia fhulang; gidheadh tha iad ciatach agus taitneach do Dhia ann an Criosd, agus teachd amach gu feumail o chreidimh fior agus beothail; a mheud ’s gu ’m feud creidimh beothail a bhith air aithneach gu shoilleir leo, mar an chraobh air a toradh. XIII. Mu oibre roimh fhireanacha. CHa ’n ’eil oibre a bha deant’ roimh ghrasa Chriosd, agus feartuin a Spioraid, taitneach da Dhia; a mheud ’s nach ’eil iad teachd o chreidimh, ann an Josa Criosd, ni mo ni iad daoine iomchuidh chum grais a ghabhail, no (mar tha ughdair na scoille ag radh) a toiltin gras le co-seas; seadh, mar nach ’eil iad air an deanamh mar bu toil le Dia, agus mar dh’aithn e iad a bhith air an deanamh, cha ’n ’eil sinn an teagamh nach ’eil nadar a pheacaidh aca. XIV. Mu oibre thar barrachd. TUille so cha ’n fheud oibre toileach, thair agus osbar air aitheantaibh Dhia, ris an abair iad oibre barrachd, a bhith air an teagasg gu’n danadas agus ain-diaghachd; oir leo-sin tha daoine a cuir an ceill, gu bheil iad ag iocadh do Dhia cha ni mhain, mheud sa tha ceangailt orra iocadh, ach gu bheil iad a deanamh tuille air a sga, no tha dleasnas ceangailt ag iarruidh; ge gu bheil Chriosd ag radh gu soilleir, ’nuair a ni sibh gach ni tha r’ aithne oirbh, abribh ’s sheirbheisich mi-tharbhach sinn. XV. Mu Chriosd amhain gun pheaca. BHA Chriosd ann am firinn ar nadar, air a dheanamh cosmhuil ruinne ann s na huile nithe (ach peaca amhain) o ’n robh e gu h’iomlan saor, araon na fheoil, agus na Spioraid. Thainig e gu bhith na Uan gun choire, a thug air falbh le fein a thairgsin aon uair, peacanan an t’ shaoghail; agus [TD 463] (mar tha N. Eoin a labhairt) cha robh peaca ann. Ach sinne cach uile (ge do bheil sinn air ar baiste agus air ar breith aris ann an Criosd) gidheadh tha sinn a deanamh eacoir ann an ioma ni, agus mu deir sinn nach ’eil peaca annain, meallaidh sinn sinn fein, agus cha ’n ’eil an fhirinn unnain. XVI. Mu pheaca an diaigh Baiste. CHA n e huile peaca marbhtach, a chuirear ann gniomh gu toileach an diaigh baiste, am peaca an aghaidh an Spiorad Naomha, do nach ’eil mhaitheanas. Uime sin cha bhith comas aithreachais air aicheadh dhoibhse a thuiteas am peaca an diaigh baiste. An diaigh dhuinn an Spiorad Naomh fhaghail, feuduidh sinn tuiteam o ’n ghras tha air a thoirt dhuinn, agus tuiteam ann am peaca, agus le grasa Dhia, eiridh aris, agus ar beatha a leasuchadh. Agus air an aodhbhar sin tha iadsan ri bhith air an diteadh, a deir, nach fheud iad peacach tuille am feadh sa bhios iad beo ann so, no ionad a mhaitheanais aicheamh do mheud sa ni fior aithreachas. XVII. Mu roimh ordugh agus tagha. ROimh ordugh chum beatha is e ruin-siorruidh Dhe, leis (mun do leigeadh bunaite ann t’shaoghail) an dh’orduigh e gu neo-charruight a reir a chomhairle fein, a tha dimhair uainne, iadsan a shaora o mhallach agus damna, a thagh e ann an Criosd mach as a chinne-daoine, agus a chum an toirt tre Chriosd gu slainte shiorruidh, mar shoithche deanta chum onair. Uime sin, tha iadsan air am bheil a leithid so ghibht oirdheirc air a bhuilleach le Dia, air an gairm a reir ruin De, tre oibreacha a Spioraid ann an am iomchuidh; tha iad toirt umhlachd da n’ ghairm tre ghras: tha iad air am fireanach gu saor, tha iad air an deanamh na ’n clainn do Dhia le uchdmhachdachd; tha iad air an deanamh coslach ri iomhaidh aon ghin-Mhic Josa Criosd; tha iad gluaisachd gu diaghidh ann an deagh oibre, agus fadheoidh, le trocair Dhia, gheibh iad sonas siorruidh. Mar tha smaointeach diaghidh roimh-ordugha, agus ar tagha ann an Criosd lan da chomfhurtachd mhilis, thaitneach, agus do-labhairt do’n mhuintir dhiaghidh, agus d’ a mheud sa mhothacheas annta fein oibreacha Spioraid Chriosd, a ceusa oibre na feola agus am buill thalmhaidh, agus aig thogail an inntin gu [TD 464] nithe aird agus neamhuidh; cho maith do bhri s gu ’m bheil e gu mor a socruich agus a daingneacha an creidimh mu shlainte shiorruidh, gu bhith air a sealbhacha tre Chriosd, ’s do bhri gu ’n dhuisg e an gradh beothach thaobh Dhe; Mar so, do’n mhuintir cuairealtach agus fheolmhar, aig nach ’eil Spiorad Chriosd, ruin roimh-orduight Dhia a bhi aca do ghnath roimhe an suilean, is ro chunartach an tuiteam sios e, leis am bheil an diabhal ga n’ tilgeadh gu ea-dochas, no gu truaighe beatha ro neimh-glan, ata cheart cho chunnartach ri ea-dochas. Tuile-so, feumaidh sinn geallaidh Dhia a ghabhail mar tha iad gu cumanta air an leigeadh sios duinn ann san Scriobtar Naomh. Agus ann ar gniomhara, is coir an toil De a leantuin, a tha gu soillair air a chuir ann ceil duinn ann am focal Dia. XVIII. Mu shlainte shiorruidh faghail amhain tre ainm Chriosd. THA iadsan mar an ceudna ri bhith air a mallucha, a ghabhas orra radh gu ’m bi na huile dhuine air a shabhala leis an lagh no leis an bhuidhin tha e leantuin, mu se s gu bi e dichiollach gu bheath a chuma a reir an lagh sin, agus lagh an Nadair. Oir tha ’n Scriobtar Naomh a taisbein duinn ainm Josa Criosd amhain, leis am bi daoin’ air an sabhala. XIX. Mun Eaglais. SI Eaglais fhaicsineach Chriosd co-thional do dhaoine fireanach ann sa ’m bheil focal fior-ghlan De air a shermoineacha, agus na sacramainte air am frithealadh a reir ordugh Chriosd ann ’s na huile nithe tha feumail air an son. Mar chaidh Eaglais Hierusalem, Alexandria, agus Antioc, a mearachd; seadh, fos chaidh Eaglais na Roimhe a mearachd, cha n e mhain na beatha agus seola deasghnatha, ach mar an ceudna ann gnothaichibh creidimh. XX. Mu ughdarras na h’Eaglais. THa comas aig an Eaglais riaghailte agus deasghnatha ordugh, agus tha ughdarras aca mu im reasan thaobh creidimh; gidh- [TD 465] eadh ni bheil e laghail do n Eaglais, ni air bith ordugh a tha n’ aghaidh focal scriobhta Dhia, ni mo dh’fheudas i aon ionad do ’n Scriobtar a mhineaicha air dhoigh, a chum s gu ’m bi e an aghaidh ionad eile. Uime sin, ge gu bheil an Eaglais na fianais agus na dionadair air naomh Scriobha, gidheadh mar nach bu choir dhi ni sam bith ordugh na h’ aghaidh, mar sin a thoabh a muigh dhi, ni ’m bu choir dhi ni air bith a chuir a fiachadh chum a chreidsin mur ni feumail chum slainte. XXI. Mu ughdarras chomhairlibh ghenerailte. CHA ’n fheud comhairle ghenerailte a bhith air an tional an ceann a cheile gun ordugh agus toil phrionnsuibh, agus a ’nuair a thig iad ann ceann a cheile (a mheud s gu bheil iad na ’n co-chruinneach dhaoine, nach ’eil gu leir air riaghladh le Spiorad agus focal Dhia) feudaidh iad dol a mearachd, agus chuaidh iad air uaire a mearachd, eadhon ann an nithe a bhuineas do Dhia. Uime sin na nithe tha r’an ordugh leosan, a bhi feumail chum slainte, ni ’m bheil aca comas no ughdarras, mu se s’ nach fheud e a bhith air a dhearbha gu ’n d’ thugaidh iad as na Scriobtuire Naomha. XXII. Mu Phurgadoir. AN teagaisg Romanach mu thimchoil Purgadoir, maitheanasabh, adhradh agus onair thoirt do iomhaidh, mu iarsma agus gairm air na naoimh, i’s ni amaideach e, gu diamhain air a thionsgna, agus gu ’n barantas sam bith o’n Scriobtar, ach is mo ataid an aghaidh focal Dhe. XXII. Mu fhrithealadh sa cho-thional. CHA ’n eil e dligheach do dhuin air bith a ghabhail air fein oifig Sermoineach follasach, no frithealadh na n’ Sacramainte ann sa Cho-thional, mur bi e gu laghail air a ghairm agus air a chuir chum na h’oifig sin a chuir an gniomh. Agus s’ iad sin bu choir dhuin a mheasa’ gu bhi air an gairm gu laghail agus air an cur amach, a tha air an tagha agus air an gairm a chum ana oibre so le daoine do’ m bheil Ughdarras follaiseach air a thoirt sa cho-thional, chum ministribh a ghairm ’s a chuir mach gu fionamhuin an Tighearn. [TD 466] XXIV. Mu labhairt s a cho-tionl ann a leithid a theanga s a thuigeas an pobull. I’S ni e tha gu soilleir an aghaidh focal De, agus ghnathacha na Ceud Eaglais, urnuigh fhollasach a dheanamh san teampull no na Sacramainte fhritheala ann an teanga do-thuigsin do n phobull. XXV. Mu na Sacramainte. CHa ’n e mhain gu bheil na Sacramainte bha air an urdugha le Criosd, na seuluibh no na comhar tha air Aidmheil dhaoine Criosduidh; ach na fior fhianaisibh cinnteach, agus na comharraibh eifeachdach grais, agus deagh thoil Dhe d ar taobh ne, leis am bheil e ’g oibreach gu neimh-fhaicsineach annuinn, agus cha ’n e mhain a beothach, ach mar an ceudna a neartach agus a daingneach air creidimh ann fein. Tha da shacramaint air an ordugha le Criosd ar Tighearna ann san Tsoisgeul, se sin ri radh, am Baisde, agus Suipeir an Tighearna. A chuig sin a tha go tric air an gairm nan Sacramainte, se sin ra radh, Daingneachadh, Peanas, Oird, Posadh, agus oladh-bais ni m’ bheil iad ra mheasa mar Shacramainte an t’ soisgeul, oir is leithid iad s’a dhfhas, cuid dhiu o leantuin nan Abstol gu truailidh, cuid eile o staidean beath tha air a ceaduicha’ leis na Scriptaribh; ach gidheadh aig nach eil nadair Sacramainte cosmhuil ris a Bhaiste agus Suipeir an Tighearna, oir ni bheil comhara soilleir aca no riaghailte air ordugh le Dia. Ni n’ robh na Sacramainte air an ordugh le Criosd chum a stalacha orra, no chum a bhith air an giulan mu n’ cuairt; ach chum s’ gu n’ gnathaichmid iad gu dligheach. Agus dhoibhsin amhain, sa ghabhas iad gu hiomchuidh, a tha aca bri no eifeachd fhallain: ach iadsa a ghabhas iad gu neimh-iomchuidh, cosnuidh iad doibh fein damnadh, mar a deir N. Pol. XXVI. Mu neimh iomchuidheachd na ministribh, nach eil a bacadh bri na Sacramaint. GE gu bheil s’an Eaglais fh’aicsinich an tolc air a mheasgadh doghna maile ris a mhaith, agus ge gu bheil air uaireaig in olc ard ughdranas ann am frithealadh an fh’ocail agus na Sacra- [TD 467] mainte: gidheadh do bhri s’nach dean iad sin na n Ainm fein ach ann an Ainm Chriosd, agus gan frithealadh le chomas agus le ughdarras san, feudaidh sinn am Ministrealachd a gabhail, araon annan eisteach focail De, agus ann gabhail na n’ Sacramainte. Ni mo tha eifeachd ordugh Criosd air a thoirt air falbh le n’aingidheachd, no gras tiolaca Dhia air an lughdacha do mheud sa ghabhas tre chreidimh, agus gu ceart na Sacramainte tha air an fritheala dhoibh; oir tha iad eifeachdach, tri ordugh agus gealladh Chriosd, ge gu bheil iad air am fritheala le droch dhaoine. Gidheadh, buinidh e do riaghailt na h’ Eaglais fiosrachada a dheanamh mu dhroch Mhinistribh, agus gu m’ bi iad air an cronach leosan aig am bheil eolas air am failnean; agus fadheoidh, air am faotuin ciontach iad, gu’m bith iad le ceart bhreitheanas air a cuir o’ n oifig. XXVII. Mu Bhaiste. CHa ’n e mhain gu bheil am baisde na chomhar air aidbheil, agus na dh’fheuchain air mutha, leis am bheil daoine Criosduidh air an aithneach o mhuintir eile nach ’eil air an baisde; ach tha e mar an ceudna na chomhar air Ath-ghinmhuin no nuadh bhreith. leis, mar le cumhnant scriobht’ tha iads a ghabhas am Baisde gu ceart air am planntach ann sa n’ Eaglais; tha geallaibh maitheanas peacidh agus ar ’n uchdmhachach chum a bhith na mic do Dhia trid an Spiorad Naomh, gu soilleir air an ciallachadh agus air n’ seuleachadh; tha creidimh air a daingneach, agus gras air a mheudacha le eifeachd urnuigh ri Dia. Tha Baisde naoidhean ri bhith air a chumail sa n’ Eaglais air a huile cor, mar tha e a chorda ri ordugh Chriosd. XXVIII. Mu Shuipeir an Tighearn. CHa ’n e mhain gu bheil Suipeir an Tighearna na comhar air a ghradh bu choir do Chriosduiean a bhith aca da cheile, ach s’mo’ na Shacramaint d’ar saorsa tre bas Chriosd; ionnas da mheud sa ghabhas e gu ceart, gu hiomchuidh, agus le creidimh, tha’n taran a tha sinne a briseadh, na cho-pairt air corp Chriosd; agus mar an ceudna tha an cupan a tha sinne a beannach na cho-pairt air fuil Chriosd. An nuadh-bhrioghach (no atharrach bri an arain agus ann fhiona) ann an Suipeir an Tighearn, cha chomas da bhith air a dhearbha le naomh sgriobha, ach tha e n’ aghaidh briathra soilleir an Scriptiur, a cuir bun oscionn nadar Sacramaint, agus a thug fath do dh’ioma saobh-chrabha. [TD 468] Tha corp Chriosd air a thabhairt, air a ghabhail, agus air itheadh ann san tshuipeir, amhain a reir modh neamhaidh agus spioradail. Agus s e creidimh a’modh leis am bheil corp Chriosd air a ghabhail agus air itheadh ann san t’Shuipeir. Ni ’n robh Sacramaint Suipeir an Tighearn an a hordugh le Criosd gu bhith air a tasgidh, air a guilan ma n’ cuairt, air a thogail suas, no ri bhith air a adhradh. XXIX. Mu n’aingidh, nach ith corp Chriosd ann an gnathach Suipeir an Tighearn. AN taingidh, agus a mheud aig nach ’eil creidimh beothail, ge do ni iad gu feolmhor agus gu follasacha chagnadh le ’m fiacluibh (mar tha N. Angustine aig radh) Sacramaint cuirp agus fola Chriosd, gidheadh cha’ n’ eil iad air chor sam bith nan luchd co-pairt air Criosd; ach ann aite sin, chum an dite fein, tha iad ag ithe agus a g’ol a chomhartha no Sacramaint ni cho ro mhor. XXX. Mu n da Ghne. CHA n’eil Cupan an Tighearna ri bhith air a dhiultadh do neo-chleir: oir bu choir le ordugh agus aithne Chriosd, da phairt Sacramaint an Tighearn a bhith air am frithealadh do gach uile dhaoine Criosduidh maraon. XXXI. Mu iobairt Chriosd criochnuicht air a Chrann. SI Ofrail Chriosd do rinneadh aon uair, an t’shaorsa iomlan, an Iobairt-reitich, agus an lan dioladh airson uile pheaca an tsaoghail araon gine agus gniomh: agus cha ’n eil dioladh air bith eile airson peacaidh, ach sin amhain. Uime sin iobairt Aifrion ann an robh e gu bichionta air a radh, gu ’n d’oifreil an Sagart Criosd airson na beo agus na marbh chum maitheanas faotain airson pein no cionta, ni n’ robh annta ach faoinsgeul toibheumach, agus mealtairachd chunnartach. XXXII. Mu Phosadh nan Sagart. CHA n’ eil Easpuigean, Sagairt, agus Diaconaibh air an ordugha le lagh Dhia, staid mhanachail a mhiannacha, no Posadh sheachna: Air an adhbhar sin tha e laghail doibhsin posadh, cho maith ri uile daoine Chrisduidh eile, ma chi iad iomchuidhe, mar bhreithnicheas iad e ni s’ fearr a chum diagheachd. [TD 469] XXXIII. Mu Mhuintir tha n’ taobh amuigh an Eaglais, cia mar tha iad ribhith air an seachna. AN neach sin a tha le fogradh follasach na h’Eaglais, gu ceart air a dhealuigha’ o aonachd na h’ Eaglais, agus air a chuir o cho-chomun, is coir a glacca’ o thional iomlan na m’ firean, mar Gheintileach agus mar Phoiblicanach, gus am bi e gu follasach air ath-reiteach le aithreachas, agus air a ghabhail a dhionnsuidh na h’ Eaglais le breitheamh aig am bheil ughdarras gu sin a dheanamh. XXXIV. Mu Bheul-theagaisg na h’ Eaglais. NI bheil e feumail gu m’ bi beuloidas agus deasghnatha ann s na huile aite ionan, no cosmhuil ra cheile; oir ann s gach uile am bha caochla catorra, agus feudaidh iad a bhith air a mutha a reir mutha nan duthchana, nan ama, agus nós dhaoine, air doigh nach bith ni sam bith air ordugha an aghaidh focal De. Neach sam bith ata tre a bhreitheamhnas fein, gu toilleaeh agus do rireadh briseadh beuloidas agus deasghnatha na h’ Eaglais, nach ’eil an aghaidh focal Dia, agus a tha air an ordugh agus air an daingneacha le ughdarras cumainte, bu choir da bhith air a cronacha gu follasach (a chum s’gun gabh daoine eile eagal a leithid a dheanamh) mar neach tha ciontacha ’n aghaidh ordugh cumanta na h’ Eaglais, agus a tha cur graba air ughdarras an Riaghlair, agus a lotadh cogaisibh na m’ brathair fann. Tha barantas aig gach uile Eaglais araid no a bhuineas do righeachd riaghailte no deasghnatha na h’ Eaglais orducha, a mhutha, agus a chuir air chul, a bha air ordugh amhain le barandas duine, ionas gu bi na huile nithe air a dheanamh chum foghlam. XXXV. Mu na Homilios. THA an dara Leabhar nan Hoimilios, deth thug sin gach ioma tiodal ra cheile fo n’ Phuinc so, a chuir sios teagasg diaghidh agus fallain, agus riachdanach do na hama so, mar tha ceud Leabhar na n’ Hoimilios, a cuirear amach ann laithe Eduard a Seithadh; agus air ann adhbhar sin tha sinn ga n ordugha gu bhith air an leagha ann an Eaglaisibh leis na Ministribh, gu dicheallach agus gu sollier, chum s’gu m’ bi iad air an tuigsin leis an phobull. [TD 470] Mu Ainmean nan Hoimilios. 1 Mu fheum ceart na h’Eaglais. 2 An aghaidh Cunnart Iodhol-adhra. 3 Mu charadh agus a chumail glan Eaglaisibh. 4 Mu dheagh oibre: Ann toiseach’mu throsgadh. 5 An aghaidh Geocaireachd agus misg. 6 An aghaidh Iomarcadh Truisgain. 7 Mu Urnuigh. 8 Mu ionad agus am Urnuigh. 9 Gu ma choir Urnighean cumanta agus Sacramainte a bhith air am frithealadh ann Canmhuin so-thuigsin. 10 Mu mheas urramach air focal Dia. 11 Mu Dheirce. 12 Mu breath Chriosd. 13 Mu Fhulangas Chriosd. 14 Mu Eiseridh Chriosd. 15 Mu ghabhail gu iomchuidh Sacramaint cuirp agus fola hriosd. 16 Mu Ghiutin an Spiorad Naomha. 17 Mu Laithe-rogationadh. 18 Mu Staid Posidh. 19 Mu Aireachas. 20 An aghaidh Diamhana 21 An aghaid ceannairc. XXXVI. Mn Naomhacha Eispuigean agus mhinistribh. ANN an Leabhar Naomhacha Ard-espuigean agus Espuigean, agus a dh’ordugha Shagart agus diaconaibh a bha o cheann ghairaid air a chuir amach ann an laithe Eduard Seith, agus air a dhaingneach sa cheart am le ughdarras mordhail, tha air a chuir sios na huile nithe feumail gu leithid a Naomhach agus Ordugh: ni mo tha ni air bith ann, a tha dheth fein saobh-chrabhach no mi-dhiaghidh. Agus air an adhbhar sin mheud ’s ata air a noamhachadh no air ordugha a reir riaghailte an Leabhair sin, o’n dara bliadhha a roimh ainmacht Righ Eduard, gus an tam so, no na diaigh so bhios air an naomhach no air an ordugh areir nan ceart riaghailte, cinntimid gu bheil an leithid sin air a naomhacha agus air an ordugha gu ceart, gu cothramach, agus gu laghail. XXXVII. Mu’n Uachdaran. THa n’ tard chumhachd aig morachd an Righ ann an Righeachd so Shasunn, agus thairis a thighearnas eile, dam’ buin ard Riaghailt uile uaslain na Righeachd so, ma’s do ’n Eaglais no ’n tuadh, ann s gach uile chuis, agus ni m’ bheil i, ni mo bu choir dhi bhith fuigh reachd tairlearach air bith. [TD 471] Ge’ do chuir sinn an ard Riaghailt do Mhorachd an Righ, tiodal leis, mar thuigamid, gu bheil intinibh cuid do mhuintir thoibheumach air an coruichadh; ni n’ toir sinn d ar Prionsuibh frithealadh focail Dia, no na Sacramainte, mar tha na h’aitheantaibh bha air an cuir amach o cheann ghairid le ’r Ban-Righ Elizabet mar an ceudna a toirt fianuis fhollasach; ach an t’ard-ughdarras sin amhain, a chi finn bha air a thoirt do ghna do uile Phrionnsuibh diaghidh ann s na Scriptuiribh naomh le Dia fein; se sin ra radh, gu n’ riaghladh iad gach uile ceim agus ord thug Dia fo’n curam, co dhiu bhi cleir no neo-chleir, agus gu n’ smachduidh iad leis chloidheamh an lagh luchd reasgach agus iads a tha deanamh uilc. Ni bheil Ughdarras air bith aig Espuig na Roimhe ann an Righeachd Shasgun so. Feudidh laighe an Righeachd doine Criofduidh peannasach le bas, arson coirribh uamharra agus claoiteach. Tha e laghail do Chriosduidh air iartas an Uaghdran, airm a ghiulan, agus seirbhis a dheanamh ann am cogaibh. XXXVIII. Mu Mhaoin Dhaoine Criosduidh, nach eil cumanta. CHa n eil beartas agus Maoin Chriosduiean cumanta, a thaobh an dlighe, an tiodal, agus an ceirt sealbh, mar deir Anabaisdich araid breugach gu uailleach. Gidheadh bu choir do na huile dhuine, da mheud na nithe o’a tha aige deirc a thoirt do n’ bhochd gu fial, a reir a chomais. XXXIX. Mu mhionna duine Criosduidh. MAr tha sinn aig aidbheil gu bheil mionna diamhain agus diorrasach air an toirmeasg do Chriosduiean le ’r Tighearn Josa Criosd, agus le Seumas Abstal; mar so tha sinn a measa nach ’eil an Creidimh Chriosduidh a toirmeasg do dhuine mionnacha nuair a dhiarras an t Uachdran, ann an cuis creidimh agus carthanachde, mu bhitheas e air a dheanamh a reir teagasg an Fhaidhe, ann an Ceartas, am Breitheamhnas, agus ann Firinn. CRIOCH.