[TD 1] AN OIFIG CHUM CEART FHRITHEALADH AN COMUIN NAOMH, DO REIR GNATHACHADH EAGLAIS NA H’ ALBA. DUN-EADUIN: 1797. [TD 2] [Blank] [TD 3] OIFIG A’ CHOMANAICH. ¶ An Earrail. A MHUINTIR ionmhuin ann ’s an Tighearna, sibhse le ’n ail teachd chum Comanach naomh cuirp agus fola ar Slanui’fhear Criosd, feumuidh sibh thoirt fo ’n air, ciod tha Naomh Pol a’ scriobhadh gu muintir na Coirinth; cionnus tha e ag earralachadh air na h uile neach iad fein a’ rannsuchadh agus a’ cheusnuchadh gu dichilich, mu’n gabh iad orra itheadh do ’n aran sin, agus ól do ’n chùpa sin. Oir mar a’ ta am buanachd mor, ma ghabhas sinn an t sacramaint naomh sin, le cridhe fior-aireach agus le creidimh beothal, (oir ansin tha sinn ag itheadh feoil Chriosd, agus ag òl fhuil ann seadh spioradail; ansin tha sinn comhnuidh ann Criosd, agus Criosd ann annainne; tha sinn mar aon ri Criosd, agus Criosd ruinne;) mar sin tha an cunnart mor, mu ghabhas sinn gu neo-iomchuidh; oir ansin tha sinn ciontach do chorp agus do dh’fhuil Chriosd ar Slanui’fhear; tha sinn ag itheadh agus ag òl breitheanas dhuin fein, gu ’n aire thoirt air corp an Tighearna: tha sinn a lasadh corruigh Dhe ’n ar ’n aghaidh; tha sinn ga bhrosnuchadh chum ar pianadh le ioma easlainte agus ghne bhas. Air an aobhar sinn, a bhraithre, deanabh breith oiribh fein, chum ’s nach tabhar an Tighearna breith oiribh; deanuibh fior aithreachas arson na peacanna a rinn sibh; biodh creidimh beothal agus daingean agaibh ann Criosd ar Slanui’fhear; leasuichibh bhur beatha, agus bithibh ann gràdh foirfe ris na h’ uile dhaone; mar sin bithibh sibh ’n ar luchd compairt iomchuidh do na diamhar- [TD 4] rachda naomh sin. Agus, thar air na h uile nithe, is feum dhuibh buidheachas iriosal agus chridheal thoirt do Dhia an t Athair, a’ Mac, agus an Spioraid Naomh, arson saorsa an t shaoghal, trid fulangas agus bàs ar Slanui’fhear Criosd, tha mar aon na Dhia agus na dhuine, a dh irislich e fein eadhon gus a bhàs air a chran-cheusa air arsonain peacaich thruagh, bha ’nar luidh ann dorachadas agus ann sgàil a bhais, chum gu ’n deanadh e sinn ’n ar cloin do Dhia, agus gu’n arduchadh sinn gu beatha sior-mharanach. Agus chum gu ’n gna chuimhnichmid gràdh anbarrach ar Maisdir, agus ar ’n aon Slanui’fhear Iosa Criosd, a bàsuchadh mar so air arson, agus na sochaire do aireamh bhuain e dhuine le dortadh fhola mhor-luach; shuighich agus dh’ orduich e diamhara naomh, mar dhearbhadh air a ghrádh, agus mar chuimhniche maranach air a bhás, d’ ar comhfhurtachd mor neo chrichnichte. Uime sin dhasan, maille ris an Athair agus an Spiorad Naomh, thugamaid (mar is dual oirn) gna bhuidheachas, ’g ar striachda fein gu h uile, d’ a thoil agus d’ a riar naomha, agus deanamh dichiol seirbhis a thabhart dha ann fior naomhachd agus ionracas uile laithe ar beatha. Amen. ¶ An sin their an Sagairt, no an Deacon, TAIRGIMID suas ar tabhartas do ’n Tighearna le urram agus eagal Diadhaidh. ¶ An sin toisichidh an Sagairt an Ofrail, ag radh aon no tuile do na h earruile so leanas. THARLADH ann cean lài araidh, gu ’n d’ thug Cain do thoradh na talmhain tabhartas do ’n Tighearna. Agus thug Abel, mar an ceudna do cheud-ghinibh a threud agus d’ an fuilt; agus bha meas aig an Tighearna air Abel agus air a thabhartas: ach air Cain agus air a thabhartas, cha robh meas aige. Gen iv. 3. 4. Labhair re cloin Israel, gu ’n d’ thoir iad a’ m’ ionsuidh tabhartas: o gach duine a bheir gu toilicht leis a chridhe e, gabhaidh sibh mo thabhartas. Ecsod. xxv. 2. Cha taisbeinear sibh ann lathair an Tighearna falamh; bheir gach duine mar is urruin e, reir beanachuidh an Tighearna bhur Dia, a thug e dhuibh. Deut. xvi. 16. 17. Thoiribh do ’n Tighearna a ghloir sin is cubhaidh d’ a’ ainm; thugaibh tabhartas, agus rachaibh a steach na chùirtin. Salm xcvi. 8. [TD 5] Na taisgibh dhuibh fein ionmhais air talamh, far an truail an leoman agus a mheirg, agus far am bris na meirlich astigh agus an goid iad; ach taisgibh dhuibh fein ionmhuis air neimh, far nach truail an leoman no a mhearg, agus far nach brisidh stigh na meirlich, no an goid iad. Matha vi. 19. 20. Ni h e gach neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a theid a steach chum rioghachd neimh: ach an ti do ni toil m’ Athair a ta air neamh. Matha vii. 21. Ma chuir sinn nithe spioradail dhuibh, ni mor ma bhuineas sinn bhur nithe feolmhor. 1 Cor. ix. 11. Nach ’eil fios agaibh, gu bheil iadsan tha saortheachadh mu thimchiol nithe naomh, air am beathachadh le nithe na teampuil? agus iadsan a ’ta frithealadh do ’n altair, gu bheil iad nan luchd co-pairt ris an altair? Eadhon mar sin dh’ orduch an Tighearna fos, iadsan a ta searmonachadh an t soisgeil am beathachadh fhaghail ’o ’n t soisgeil. 1 Cor. ix. 13. 14. Thoir aithne dhoibhsan a ta saibhir ann san t’ saoghal so, gu ’n iad bhith ard-intinneach, no ’n earbsa shuighich air saibhreas diombhuan, ach ann san Dia bheo, tha tabhart dhuinn na h uile nithe gu saibhir ri ’m mealtuin; iad dheanamh maith, iad bhi saibhir ann deadh oibiribh, ealamh gu roinn, co-pairteach; a taisgidh suas dhoibh fein ionmhas, chum steighe mhaith air cheann an uine ri teachd, chums gu gabh iad greim air beatha shiorruidh. 1 Tim. vi. 17. 18. 19. Na dichuimhnichibh maith dheanamh, agus co-roinn a thoirt uaibh; oir a ta an leithide sin do iobairte taitneach do Dhia. Eabh. xiii. 16. ¶ Fhads a bhithis an Sagairt a leughadh, cuid, no na h’ earruine so uile, gabhaidh an Deacon, (no neach iomchuidh eile) coisrigean a phobul a ta runadh an comuin naomh a ghabhail amhain, ann saothach eireacail, agus bheir e chum an t Sagairt iad; a thairgeas iad gu h iriseal ann lathair an Tighearna, ag radh. GU ma beannuighte thusa, O Thighearna Dhe, gu siorruith agus gu siorruith. Is leatsa, O Thighearna, a mhorachd, agus a ghloir, agus a bhuaidh, agus an rioghlachd: oir is leatsa na h uile a ’ta ann neamh agus air talamh: is leatsa an rioghachd, O Thighearna, agus tha thu air d’ arduchadh, a’d’ cheann thar air na h uile; uaitse, araon, tha saibhreas agus onoir a teachd, agus o na bhuineas dhuit fein tha sinn a tabhart dhuitse. Amen. [TD 6] ¶ Agus an sin tairgidh an Sagairt suas, agus cuiridh se an t aran agus am fion air ’n ullmhacha arson an t Sacramaint air bord an Tighearna; agus their e, GU ’m bith an Tighearna maille ribh. Freag. Agus maille ri do spioradse. Togaibh suas bhur cridheachan. Freag. Tha sinn ga ’n togail suas dh’ ionsuidh an Tighearna. Thoirimid buidheachas d’ ar Tighearna Dia. Freag. Tha e iomchuidh agus ceart sin a dheanamh. Tha e ro iomchuidh, ceart, agus na theann dhleasnais oirn, gu ’n d thoirimid gach uile am, agus anns gach uile aite, buidheachas dhuitse, O Thighearna, uile chumhachdaich, a Dhe sior-mharanach. ¶ An sin leanadh an roimh-radh. ¶ Air la bhreith Chriosd, agus seachd la na dheigh. DO bhrigh gu ’n d’ thug thu Iosa Criosd d’ aonghin Mhic, air a bhreith (mar air an la so) air ar sonne, a rinnidh, le oibreachadh an Spiorad Naomh, na fhior dhuine ’o ’n Oighe Muire a Mhathair, agus sin gu’n smàl pheac, chum sinne ghlanadh o gach uile peaca. Uime sin, &c. ¶ Air la Caisg, agus seachd la na dheigh. ACH gu h araidh tha e ceangailt oirn do mholadh, arson ais eirigh ghloirear do Mhic Iosa Criosd ar Tighearna: Oir is eisin am fior uan caisg chaidh thabhart suas air ar sonne, agus a thug air falbh peac an t saoghal; a sgrios am bàs leis a bhas fein, agus leis ath-eirigh gu beatha, tha a tabhart dhuinne beatha siorruidh. Uime sin, &c. ¶ Air la an Arducha’ gu Neamh, agus seachd la na dheigh. TRID do Mhic ro ionmhuin, Iosa Criosd ar Tighearna: a dh’ fhoillsich e fein gu folasach da abstalaibh uile, ann deigh ais-eirigh ro ghlormhor, agus ann radharc na ’n suil a dh arduiche suas chum neamh, a dh’ ullachadh aite dhuinne; chum far a bheil eisin, gu ’n rachadh sinne mar ’n ceudna, agus gu ’n rioghlaichmid maille ris ann gloir. Uime sin, &c. [TD 7] ¶ Air Domhnach na Caingis, agus sea la na dheigh. TRID Iosa Criosd ar Tighearna; a reir do gheallasa ro fhirinich, thainig an Spiorad Naomh a nuas o neamh, (mar air an la so) le fuaim mor grad, mar ghaoth neartmhor, ann an samhuil teangana teintich, a suighe air na h abstalaibh, gu na ’n teagaisg, agus ’g an treorachadh do ’n uile fhirin, a tabhairt dhoibh, araon tiolachd ioma caint, agus fos misneach le eud-dhurachdach an soisgeil shior-shearmonachadh do na h uile chinnich, leis am bheil sinn air ar toirt o’n dorachadas agus mearachd, chum an t’ sholuis dealrach agus fior eolas ortsa, agus air do Mhac Iosa Criosd. Uime sin, &c. ¶ Air feill na Trionad Naomh. A TA t aon Dia, a’n t aon Tighearna: cha ’n e t aon phearsa amhain, ach tri pearsa ann aon Diadhachd. Oir an ni sin tha sinn creidsin mu ghloir an Athair, tha sinn a creidsin mar an ceudna mu ghloir a Mhic, agus an Spiorad Naomh, gun eidir-dhealachadh air bith no neo-choimeas. ¶ An deigh gach aon do na roimh-radh so, air ball leannuidh. AIR an aobhar sin, mallle ri ainglibh agus ard-ainglibh, agus le cuideachd neamh uile, molamaid agus moraimid t’ ainm ghloirmhor, a ghna ’g ad chliuthachadh, agus ag radh, Naomha, naomha, naomha, an Tighearna Dia nan sluaigh, tha neamh agus talamh lan do d’ ghloir, ghloir dhuitse a Thighearna is airde. Amen. ¶ An sin their an Sagairt,—Urnuigh a choisrigidh, mar a leanas. UILE ghloir gu ’n robh dhuitse, O Dhe uile chumhachdaich, ar n’ Athair neamhuidh, a cheann gu ’n do rinn thu ’o do chaomh-throcair, d’ aon-ghin Mhic, Iosa Criosd a thabhairt am bàs a fhulang air a chran-cheusaidh arson ar fuasgladh; a rinn (le thabhairteas dheth fein aon uair air a thairgse) iobairt, tabhartas, agus èiric, làn, fhoirfe, agus diongmhalta, arson peac an t’ shaoghal uile, agus a shuighich, agus a dh’ aithn dhuinn ann a shoisgeil naomh, sior chuimhneachan a ghnathachadh do sin, a bhas agus a iobairt mor-luach gus an d’ thig e aris. Oir ann san oidhche [TD 8] an do bhrathadh e, ghlac e * aran; agus ’nuair a thug e buidheachas, bhrist se * e, agus thug e da dheisciobluibh e ag radh, Glacaibh, ithibh, SE † SO MO CHORP-SA, tha air a thabhairt air bhur sonsa, deanabh so mar chuimhneachan ormsa. Mar an ceudna, an deigh suipeir, ghlac e ‡ an cupa, agus ’nuair thug e dhuibh e, ag radh, Oluibh uile deth so, oir is SE SO § M’ FHUILSE, na tiomna nuadh, a dhoirteadh air bhur sonsa, agus arson iomaidh chum maitheanas peacaidh; deanaibh so, cho tric is a dh òlas sibh e mar chuimhneachan ormsa. An tabhartas. UIME sin, O Thighearna, agus Athair neamhuidh, reir ordugh do Mhic ro ionmhuin ar Slanui’fhear Iosa Criosd, tha sinne do sheirbhisich iriosal a coimhead agus a deanamh annso an lathair do Mhorachd Dhiadhaidh, leo sin do thiolaca naomha, tha sinn ann san trath so a tairgse suas dhuit, an cuimhneachan a dh aithn do Mhac sinn a dheanamh; a cuimhnichidh air a fhulangas bheannuighte, agus a bhàs luachmhor; air ais-eirigh chumhachdach, agus dhol suas ghloirear gu neimh; a’ tabhart dhuit fior bhuidheachas chridhe arson na sochairibh do-aireamh air an teagradh dhuinne leo-sin. An athchuinge. AGUS guidhmid gu ro iriosal ort, O Athair throcaireach, gu ’n eisd thu ruinn, agus o do mhaitheas uile chumhachdach, deonuich le d’ fhocal agus le do Spiorad Naomh, do thiolaca agus do chreatuirinso, do dh aran agus fion a bheannachadh agus naomhachadh, chums gu bith iad corp agus fuil spioradal do Mhic ro ionmhuin. Agus tha sinn gu durachdach ag athchuingidh do mhaitheas Athairil, ghabhail gu trocaireach ri so ar ’n iobairt mholadh agus bhuidheachas, ag guidhe gu ro umhul ort dheonuichidh trid toiltinis agus bas do Mhic Iosa Criosd, agus tre creidimh ann fhuilsin, gu faigh sinne (agus d’ eaglais uile, gu h iomalan) maitheanas ar peacaidh agus uile buanachda eile fhulangas. Agus tha sinn annso, a tairgse agus nochdadh dhuitse gu h iriosal, O Thighearna, sinn fein, ar ’n anama agus ar cuirp, gu bhi na ’n iobairt dleasdanach, naomh, agus beothail dhuit, a’ guidhe ort, co iad sam bith bhithis n’ * Ann so glacaidh an Sagairt a’ mhias na laimh. * Ann so bristidh se an t aran. † Ann so cuiridh e lamhan air an aran uile. ‡ Ann so glacaidh e an cupa na laimh. § Ann so cuiri e laimh air gach saothach anns bheil fion. [TD 9] an luchd co-pairt do ’n chomanach naomh so, gu glac iad gu h iomchuidh, corp agus fuil ro luachmhor do Mhic Iosa Chriosd, agus gu’ bith iad air an lionadh le do ghras agus do bheannachadh neamhuigh, agus air an deanamh na ’n aon chorp leisin, chum gu gabh e comhnuidh annta agus iadsan annsan. Agus ge d nach airidh sinne bhrigh lionmhorachd ar peacaidh, iobairt air bith thabhairt dhuitse; gidheadh guidhmid ort ar dleasdanas agus seirbhis fhiachuicht so oirn, a ghabhal, cha ’n e a chothromachadh air luachsa, ach ma[?]each ar ciontaibh, tre Iosa Criosd ar Tighearna; tridsin, agus maille ris, ann an aontachd an Spiorad Naomh. bitheadh gach uile onoir agus gloir dhuitse, O Athair uile chumhachdach, saoghal gu’n chrioch. Amen. ¶ Deanamaid urnuigh arson staid iomalan eaglais Chriosd. A DHE uile chumhachdach agus sior-bheo, a theagaisg dhuinn le d’ Abstol naomh, urnuighean agus guidhean a dheanamh, agus buidheachas a thabhart arson na ’n uile dhaone; guidhmid thu gu h iriosal (ar n ofrailean a ghlacadh agus) ar ’n uirnuighean so a ghabhal gu ro throcaireach, tha sinn a tairgeadh suas chum do mhorachd dhiadhaidh, ag guidh ort an Eaglais Choitchion a bhrosnuchadh le Spiorad no firin, aontachd agus comh reite; agus deonuich an dream sin uile a ’ta ag aideachadh t’ ainm naomh, gu ’n cord iad ann firin t’ fhocal naomh, agus gu caith iad am beatha ann aontachd agus gradh diadhaidh. Guidhmid ort mar an ceudna, na h uile Righ, prionsa, agus uachdaran Criosduidh choimhid agus dhion; agus gu h araidh do sheirbhiseach DEORSA ar Righ; chum gu m bith sinn air ar riaghladh fodhe sin gu diadhaidh agus gu sithchainte; agus deonuich da chomharle uile, agus do mheuds tha air ’n cuir ann ughdaras suidhe sin, gu fritheal iad gu firineach agus gan chlaon-bhreith an ceartas, chum aingeachd agus droch-bheirt a smachduchadh, agus d’ fhior-chreideamh agus deagh bheusa chumail suas. Thoir gras, O Athair neamhuidh, do gach uile easbuig, sagairt, agus deacain, chum gu ’m foilsich iad d’ fhocal fior agus bheothail araon le am beatha agus le ’n teagaisg, agus gu fritheal iad do shacramaintean naomha gu ceart agus gu h iomchuidh; agus, do d’ phobul uile tabhair do ghras neamhuidh, chum le cridhe seimh, agus le urram cuibhidh gu ’n eisd agus gu glac iad fhocal naomh, a deanamh seirbhis treibhdhireach dhuit ann naomhachd agus firinteachd uile la d am beatha. [TD 10] Agus tha sinn gu h araidh ag earbsa do d’ mhaitheas throcaireach, an co-thional so a ta cruinnichte ann so ann t ainm, a chuir ann geil co chuimhnichean bas mhor-luath agus iobairt do Mhic agus ar Slanui’fhear Iosa Criosd. Agus tha sinn, gu ro iriosal ag guidhe ort, ’o do mhaitheas, O Thighearna, co’fhurtachd agus cobhair thoirt dhoibhsin uile a’ ta ann trioblaid, doileas, uireasbhuidh, easlaint, no an-shocair air bith eile ann sa bheatha diom buan so. Agus tha sinn fos a beannuchadh t’ ainm naomh, arson do sheirbhisich uile a chrichnich an comhlion ann creidimh a ta nis air sguir dan saothair. Agus tha sinn toirt ard-mholadh agus buidheachas cridheal dhuit, arson an gras agus na buaidhean iongantach a thaisbeanadh ann d’ uile naoimh, a bha na ’n soitheachan toighte do d’ ghras agus na ’n soluis do ’n t saoghal ann na ’n lintibh fa leith; ag guidhe ort gu ro umhal, gras a thoirt dhuinn gu eisimpleir diongmhalta acasan ann do chreidimh, agus ann umhlachd do d’ aithntinn naomh leantuin, chum ann là an ais-eirigh choitchion, gu bith sinne, agus iadsan uile tha do chorp diamhair do Mhic air ar cuir air a laimh dheas; agus gu cluin sinn a ghuth ro aoibhinse, thigibhse a ta beannuichte le m’ Athairse sealbhaichibh an rioghachd deasuichte air ’urson ’o leagadh steighe an domhain. Deonuich so O Athair, air sga Iosa Criosd, ar ’n aon eidear mheadhonar agus fear tugraidh. Amen. ¶ An sin their an Sagairt, MAR dh’ aithn agus mar theagaisg ar Slanni’fhear Criosd dhuinn, tha meisneach again a’ radh. Ar n’ Athair a ta air neamh, gu naomhaichear d’ ainm: tigeadh do rioghachd: Deanar do thoil air talamh, mar nithear air neamh: tabhair dhuinn an diu ar ’n aran laitheil: agus maith dhuinn ar cionta’, mar a mhaitheas sinn dhoibhse a chiontaicheas ’n ar ’n aghaidh: agus na leig am buaireadh sinn, ach saor sinn ’o olc. Oir is leatsa an rioghachd, agus an cumhachd, agus an gloir, gu siorruidh agus gu siorruidh. Amen. ¶ An sin their an Sagairt, &c. SIBHSE a ’ta a rireadh agus gu dûrachdach a gabhal aithreachas do ’r peacaidh, agus a ’ta ann gradh agus deagh-ghean ri bhur coimhearsnuich, agus a runnachadh beatha nuadh chaith, a leantuin aithintean Dhe, agus a coiseach- [TD 11] dadh ’o so suas ann na shlighibh naomh; tigibh am fogus, agus glacaibh an t shacramaint naomh so do ur solus; agus deanaibh ’ur ’n aidmheil iriosal do Dhia uile chumhachdach. ¶ An sin their an Sagairt agus am pobul le cheile, an aidmheil, gu h urramach, air an gluinibh. A DHE uile chumhachdach, Athair ar Tighearna Iosa Criosd, chruithear gach uile nithe, bhreitheamh na h uile dhaone, tha sinn ag aideachadh agus a’ caoidh ar peacaidh agus aingeachd lionmhor, a chuir sinn ann gniomh ’o am gu h am ro uamharadh, le smuaint, le briathair, agus deanadas ann aghaidh do mhorachd dhiadhaidh; a’ brosnuchadh gu ro cheart d’fheirg agus do chorruich n’ ar ’n aghaidh. Tha sinn ag aithreachadh gu dùrachdach, agus tha doilgheas chridhe oirn, arson ar mi-dheanadais so; tha ar cuimhne orra craiteach dhuinn; tha an ealach dhiu do-iomchar. Dean trocair oirn, dean trocair oirn, Athair ro throcaireach; air sga’ do Mhic ar Tighearna Iosa Criosd, maith dhuinn na h uile a chaith seachad, agus deonuich dhuinn o so suas gun sior-dhean sinn seirbhis fior-thaitneach dhuit, ann nuadhachd beatha, chum onoir agus gloir d’ ainm, tre Iosa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin seasaidh an Sagairt suas, (no an t Easbuig, ma tha e lathair) agus labhraidh se am fuasgladh, mar a leanas. DIA uile chumhachdach, ar ’n Athair neamhuidh, a gheall do mhor-throcair, maitheanas pheacaidh dhoibhsin uile a dh iompoicheas d’ a ionsuidh le aithreachas chridhe, agus le fior chreidimh; gu ’n dean e trocair oirbh; gu ’m maith e dhuibh agus gu ’n saor e sibh ’o ’ur ’n uile peacaidh; gu ’n daingnich agus gu ’n neartuich e sibh chum beatha siorruidh, trid Iosa Criosd ar Tighearna. Amen. ¶ An sin their an Sagairt, EISDIBH no briathra solasach tha ar Slanui’fhear Criosd a labhairt dhoibhsin uile a philleas gu firinich d’ a ionsuidh. Tigibh a m’ ionsuidhs uile a ta saothar agus foth trom uallaich, agus bheir mise fois dhuibh. Mat. xi. 28. Mar sin ghradhaich Dia an saoghal; gu ’n d’ thug e aon-ghin Mhic fein, chum ’s ge b’e neach a chreideas ann, nach rachadh e mugha, ach gu ’m faighidh e a bheatha siorruidh. Ioin iii. 16. [TD 12] Eisdibh mar an ceudna, na ’ta Naomh Pol ag radh. Is fior an radh so, agus is airidh e uile ghabhail ris, gu ’n d’ thainig Iosa Criosd chum an t’ saoghal peacaich a shabhalach. 1 Tim i. 15. Eisdibh fos na ’ta Naomh Eoin ’g radh. Ma pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh againn maille ris an Athair, Iosa Criosd am firean; agus is eisean an iobairt reithte air son ar peacaidh ne. 1 Eoin, xi. 1. 2. ¶ An sin their an Sagairt, air a ghluinibh, ann ainm na comuiniche uile, mar a leanas. CHA ’n eil sinn a gabhail a dhanadas oirn teachd dh’ ionsuidh do bhuird naomh sa, O Thighearna throcaireach, ag earbsa as ar firinteachd fein ach ann do throcair se mor agus iomalan. Cha ’n airidh sinne na h uibhir is an spruilleach tha fo do bhord se a chruinneachadh: Ach is tusa an Tighearna ceudna, do ’m buineadh a ghna bhi trocaireach. Deonuich, air an abhar sin, O Thighearna ghrasmhor, gu ’n itheadh sinn feoil do Mhic caomh Iosa Criosd, agus gu ’n ól sinn fhuil, air mhodh is gu ’m bith ar cuirp pheacach air an glanadh leis a chorp naomhsa, agus ar ’n anamaibh air an ionlad trid fhuil mhor-luach sin, agus gu ’n gabh sinn comhnuidh annsan, agus eisean annainne gu siorruith. Amen. ¶ An sin gabhaibh an t Easbuig, no Sagairt a fhrithealas, an comuin naomh e fein, agus an deigh sin, bheir e do na cleir eile, (mu bhios neach dhiubh lathair) agus an sin do ’n phobul uile; iad bhith gu h iriosal air an gluinibh, ag radh. CORP ar Tighearna Iosa Criosd, chaidh thoirt air do shon, gu ’n coimhid e d’ anam agus do chorp chum beatha siorruidh. ¶ An so their an neach a ghabhas, Amen. FUIL ar Tighearna Iosa Criosd a dhortadh air do shon, a choimhid d’ anam agus do chuirp chum beatha siorruidh. Amen. [TD 13] ¶ ’Nuair a ghabhas an sluagh uile an comuin naomh, comhdaichidh an Sagairt an t aran agus am fion coisrighte le lion-eudach glan, agus an sin a their e. AIR dhuinn a nis corp agus fuil mhor-luach Chriosd a ghlacadh, thugamaid buidheachas d’ ar Tighearna Dia, a cheaduich dhuinn ’gu grasmhail, bhith ’n ar co-pairt air a dhiamharachda naomhsan; agus guidhmid a ghras chum ar moidin a chomhlionadh agus buanachadh ann ar deagh [?]ne; agus air dhuinn bhith air ar naomhachadh gu feud sinn a bheatha mharanach fhaigheal, trid toiltinis iobairt uile luachmhor ar Tighearna agus Slanui’fhear Iosa Criosd. ¶ An so their an Sagairt an urnuigh buidheachas so, mar a leanas A DHE uile chumhachdaich agus sior-bheo, tha sinn toirt buidheachas chridheail dhuit, a chum gu bheil thu ag aontuchadh sinne a bheathachadh, a ghabh diamharachda naomh sin gu h iomchuidh, le biadh spioradail cuirp agus fola ro phriosail do Mhic ar Slanui’fhear Iosa Criosd: agus a ta ’g ar dearbhadh leosin, air do chairdeas agus do gheanmhath suighichte ann an corp diamhar do Mhic, an eaglais, is e sin, cuideachd bheannuighte na ’n uile phobul creidimheach; agus fos, gu bheil sinn na ’r ’n oighreachan, tre dochus air do rioghachd bhith-bhuan, trid toiltinis a bhàs agus fhulangas ro luachmhor sin. Tha sinn anis ag achuingidh gu ro iriosal ort, O Athair neamhaidh, ar cuideachadh le do ghras agus Spiorad Naomh, ionas gu buanaigheadh sinn anns a chom-chomuin naomh agus companas sin, agus gu’n dean sinn na deagh ghniomha sin uile, ann san d’ orduich thu oirn gluasadh, tre Iosa Criosd ar Tighearna, do ’n rabh, maille riutsa agus an Spiorad Naomh, gach uile onoir agus gloir, saoghal gun chrich. Amen. ¶ An sin theirir, no canaidh an Sagairt agus am pobul. GLOIR do Dhia ann ’s na h airde, agus air talamh sith, gean mhath do dhaoine. Tha sinn ’g ad mholadh, tha sinn ’g ad bheannuigheadh, tha sinn toirt aodhradh dhuit, tha sinn toirt gloir dhuit, tha sinn toirt buaidheacheas dhuit arson do mhor-ghloir, O Thighearna Dhe, a riogh neamhuidh. O Thighearna, an t aon-ghin Mhic Iosa Criosd; O Thighearna Dhe, uan Dhe, a ta togail air falbh peac an t saoghal, dean trocair oirn. Thusa a ta to air falbh peaca an t [TD 14] [Taobh-duilleig 4 san leabhar fhèin] saoghal, gabh ri ar ’n urnuigh. Thusa a ta a’ d’ shuidh air laimh deas Dhe an t Athair, dean trocair oirn. Oir is tusa an t aon Naomh, ’s tu an Tighearna, is tu, O Chriosd, maille ris an Spiorad Naomh, a ta ro aird ann gloir Dhe an t Athair. Amen. ¶ An sin their an t Easbuig (mu bhios e lathair) no an Sagairt, am beannuchadh so. GU ’n coimhid sith Dhe, à ’ta oscion gach uile thuigse, ur cridhe agus bhur ’n inntine ann eolas agus ann gràdh Dhe, agus a Mhic Iosa Criosd ar Tighearna; agus beannuchadh Dhe, uile chumhachdach, an Athair, a Mhic, agus an Spiorad Naomh, gun rabh ’n ar measg agus gu’m buanuigh maille ribh a ghna. Amen. CRIOCH.