[TD 1] CUNNTAS MU IAIN COBHEY, SEOLADAIR, A BH’ AIR AM VENERABLE, A FHUAIR A DHA CHOIS A SGATHADH DHETH ANN AN CATH CHAMPER DOWN, October 11th 1797. EDINBURGH PRINTED BY J. HAY & CO. NIDDRY STREET. 1813. [TD 2] CUNNTAS MU IAIN COBHEY. THA ŭr-sgeul brigh’or air aithris mu Sheoladair a bh’ air bòrd an Venerable, an Loingeas air an robh Ceannard a Chabhlaich, Ceann-feadhna Chlann-donnachaidh, ’an aghaidh nan Dùitseach m’ a chomhair Champerdown. Fhuair e ’n sgeula so o ’n Olladh Mac Dhonnachaidh, caraid agus ministeir a mhor-fhear Mhic Dhonnachaidh, a bha ann an teas a chatha, a’ còmhnadh nan leigh ’an ceangal suas, agus ’an gearradh chos agus làmh nan daoine buailte. Tha ’n t-Olladh ag radh, gun tugadh seoladair, gam ’b ainm Cobhey a nuas far an robh na lighichean, agus a dha chois air an sgathadh dheth: agus mheasa feumail gu ’m b eigin an gearradh dheth ni b’ airde. Thuirt Cobhey leis na mionanibh mòra, gun robh fiughair aige gun deanadh an gearradh sin an gnothach air dochann a pheileir? Tha eagal orm dheth, ars an léigh. Cha ’n ’eil deireas ann arsa Cobhey, chaill mi mo dha chois ris, agus math a dh’ fhaoidte mo bheatha cuideachd, ach thuirt e leis na mionnaibh mòr, thug sinn buaidh air na Dùitsich! uime sin bheir mi aon ghàir eile asam: Husà! Husà! Tha ’n sgeul so nis ro-chomharaichte, le nithibh a thachair roimhe agus ’na dhèigh so. Bha Cobhey na rogha Seoladair, agus bha e ainmeil a thaobh a mhòr-mhisnich; ach bha e comharraicht a thaobh peacaidh co math agus cruadail. Beagan laithean m’ an do choinnich iad na Dŭitsich bhruadair e gun robh e ann am blár, far an deachaidh a dha chois a thilge dheth, agus gun robh e air mhearaichin. Thug an aisling air a churaidh so bhi air bhall-chrith, agus oirp a thoirt air ùrnuigh a dheanamh; ach a chionn nach bu chaomh leis Dia bhi na aire, thug e oirp air a leig air di-chuimhn, agus air an drùghadh a rinneadh air arson a pheacaidh a chuir as aire, le pòit agus le gnàthacha mi-stuama le cho-sheòladairibh. Bu diomhain dha an oirp. Bha smuainte mu a pheacaidh, mu Dhia, agus mu bhàs a’ cur iomaguin shònruicht’ air a là agus a dh’ oiche, agus a’ cuir eagail air mu na bha ri tachairt da sa bheatha so agus san ath-bheatha, gus ’n do chuir sealladh air a chabhlach Dhùitseach, agus a cho-chainnt ri muinntir na Luinge san robh e fein, le iad a bhi cuir rompa an treubhantas a dheanadh iad, na smuainte dubhach ud as aire. ’Nuair bha’n dà chabhlach a’ teachd ’an gara ga cheile thug an sàr Cheann- [TD 3] feadhnadh a bh’ aguinn, àithne ga chuid sluaigh iad gan leige fein nan sìneadh air clàr nan soithichean, gus am biodh iad dlù air an nàmhuid, ’s gur ann bu mhò a dheanadh an teine do dholaidh dhoibh. Bha na soithichean Dùitseach air tòiseacha ri losgadh air an Venerable, an àm dhi bhi dol sios r’ an taobh gu ’n cuir as an òrdugh. Bha ’n fuirbi tréin aingidh so, Cobhey, ri guidheachain agus ri mallachadh do ’n chuid eile de na seoladairibh a chionn iad a bhi nan sìneadh a sheachnadh peileirean nan Dùitseach. Dhiult e géill a thoirt do ’n iartas, gus an robh e fo eagal le fear de na h-oifigich a bhi dlú dha, agus thug e ann an càil géill do ’n ordugh, le uchd a chuir air buideala bha ’m fagas da, gus an d’ fhuair iad ordugh tein’ a thoirt. ’Sa cheart àm san robh e ’g éiridh sguab peilier an leth-chas agus a chuid bu phailte de ’n te eile dheth; ach bha ’n gniomh co obann, ged a mhothaich e ’n goirteas, ’s nach d’ thug e ’n aire gun do chàill e na cosan gus ’n do thuit e sios. ’Nuair chaidh a chasan a ghearradh ni b’ àirde, ’sa sguir gàir a chatha, thainig a bhruadar na aire, agus smaoinich e leis mar a thainig an dara earrann deth gu crich gun d’ thigeadh an earrann eile dheth ann cuideachd. Agus ma smaoinichear air a chràdh a dh’ fhuiling e le chosaibh a ghearradh ni b’ àirde, agus leis an iomaguin shónruicht’ a bh’ air gun tigeadh a chuid eile ga aisling gu crich, ’sann is mor an t-iongantas nach deachaidh e as a chéill; ach bha so r ’a shoilleireacha dha ’an diaigh làimh. ’An ceann aimsir an diaigh sin, thainig e mach a tigh-eiridinn Haslair, ’s e na urrainn caileigin de ghluasad a dheanamh air dà luirg, agus air cosaibh maide; ach bha e ro-throm-inntinneach fo eagal mar thug breitheanas De uaith a dha chois arson a pheacaidh, gun cailleadh e air an son an da chuid a chiall agus anam. ’Se iompachadh obair Dhe;—obair-san a mhàin; agus’s-tric a tha e ga toirt gu crich air doigh iongantaich. Tha i air a toirt gu crich air dhoigh a bhrosnuicheas aire, agus ioghnadh. Mar ann an riaghladh an t-saoghail, tha e air uairibh a’ dealachadh o chleachda naduir,—’s amhuil ann am fritheala nan gràs, a tha e nochdadh a dheagh thoil ard-uachdranaich, le caileigin de dh’ eadar-dhealachadh a dheanamh o’n doigh ghnàthaichte chum anmaibh a shaoradh. Chaidh daoin’ a bh’ ann am mearachdaibh millteach, a bh’ air an toirt thairis do na lochdaibh bu ghraineile, ’sa bha co ceann-laidir ’sa bha iad aingidh;——daoine bha’n caithe-beatha na champar agus na thamailte d’ an cairdibh, na dhragh da’n choimhearsnachd ’s an robh iad, agus nam malluchadh do’n chomunn da’m buineadh iad; daoine a bha seolta teomadh ann an toileachdh neo-ghlan, innleachdach ann am mi-naomhachadh, [TD 4] ladurna ann an toibheum, agus a thaobh coslais abuich chum leir-sgrios: ann an aon fhocal, chaidh daoin a bha air thús gach peacaidh, iompachadh gu rioghachd Dhe le gràs fa leth, am feadh a bha’m fein-ionraic, ag earbsa ra dheagh chaithe-beatha agus r’a dheanadais, air a chall na chionta. Tha mor chumhachd Iosa, air fhoillseacha na mhinistreileachd fein, agus ann an ceud shearmonachadh an t-soisgeil leis na h-abstoil,—a’ toirt buaidh ann am focal na firinn. Tha ioma neach aig a bheil dreuchd fheumail san ám ann an Sion, a bha aon uair co’-ionann ris na daoine bu truaillidh. Tha san ám so, ioma neach “nan suidh aig cosaibh Iosa, air an sgeudachadh, agus nan céill shuidhichte fein,” a tha an teagamh, roi bheil eagal, agus fo thàir, a thaobh co comharraichte sa bha iad aon uair ann an slighibh an uilc. Ion-samhuil a bhràthar bu shineadh ann an samhladh a Mhic Stróghail, air a sheide suas le uaill as a mhaitheas agus as aithrighead fein, bithidh cuid fo mhi-ghean, agus cha ghabh iad co’-pairt de’n chuirm a dheasaicheadh arson a pheacaich a phille ri Dia. Ach ge b’e barail a bhios aig an Phairiseach uaibhreach ann-dana, ’s e so a bhitheas na mhuinghinn agus na aoibhneas aig a chreideach aithreachail, nach ’eil caithe beatha, no cor, no cionta, ris nach gabh saorsadh an t-Slannigh’ear càramh, agus cha’n’eil aon neach san ám so sleuchdta sios aig a chosaibh, ged a bha e roimhe so am measg nan ciontach bu ghraineile, nach fhaigh fa-dheoidh lan chôir air uile shochairean na slainte sin an lathair a righ-chaithreach. Tha so air a dheagh shoilleireachadh ann an sgeula Chobhey. Chual ’e iomradh air tigh-aoraidh Phortsea a cheud fheasgar dómhnuich an diaigh dha an Tigh-eiridin fhàgail, agus chaidh e ann, B’ e ’n steigh theagaisg air an fheasgar sin, Marc. v. 15. Agus thainig iad chum Iosa, agus chunnaic iad an ti anns an robh an deamhan, agus aig an robh an legion, na shuidhe, agus eudach uime, agus a chiall aige. Nochd am ministeir gun robh an duine so a bha fo chumhachd an droch-spioraid na shamhladh freagarrach do gach peacach; ach gu sonruicht air peacaich a tha ’caitheadh am beatha gun riaghailt gun ordugh, luchd-misg agus mhionn a tha deanamh dochair orra fein, agus air daoin’ eile: ach tha e bhi na shuidhe aig cosaibh Iosa, le eudach uime, na cheill fein, na shamladh iomchuidh air peacach air iompachadh ri Dia trid an t-soisgeil, air a dheanamh mothachail air olc a pheacaidh, mor-luach an anma, agus am feum a th’ air slainte trid an Fhir-shaoruidh; a’ sealbhacha síth inntinn, co-chomunn ri Criosd agus ra shluagh a’ toirt creideis do na sgriobtuiribh naomha, agus a faghail teagaisg o Chriosd Caraid pheacach. Dh’ eisd Cobhey ris le aire agus [TD 5] ioghnadh; ghabh e iongantas cionnas a b’ urrainn do ’n mhinister easan a chomharrachadh a mach a’ measg a choilion ceud, no cô a dh’ fhaodadh innse co mion uime-san do ’n fhear-theagaisg. Bha ’m barrachd ioghnaidh air ’n uair a chual e a cuir an ceill, air leis, a chaithe beatha gu h-iomlam, gu ruig na peacaidh bu diomhaire a chuir e ’an gniomh. Cha b’ urra dha innse c’ arson a dheanadh fear-teagaisg, searmoin gu h-iomlan uime-san, nach robh ann ach maraiche bochd air dhà chois mhaide. Leis mar chaidh a pheacaidh a chuir na aire as ùr, bha e air a lionadh le uamhunn gu mor na bu chráitiche na bha roimhe air. Bha e ré seal air a lionadh le ea-dochas, agus air leis gun robh e nis a call a chéille,, gun rachadh e eug, agus gum biodh e caillte; gus an do nochd am pears-eaglais gun robh Iosa Criosd co toileach am peacach bu ghraineile a thearnadh ’s a bha e air cobhair a dheanamh air an duine bhochd ud san robh ’n deamhan; agus gun robh duin’ air aiseag chum a cheill shuidhichte fein ’nu air a chreideadh e ann. Thoisich e nis ri fior-bhrigh a bhruadair a thuigsinn. Bha e meas gun robh e air mhearaichinn fad a bheatha gus anis, agus le e chreidsinn ann-san gu ’m biodh e air aiseag gu cheill cheirt a rithist. Bha aiteas ro-mhor air an sin. ’Nuair a chual’ e mu ghràdh anabarrach Iosa Criosd do pheacaichibh, ghabh e dochas an aite ea-dochas agus aoibhneas an aite uamhunn! Bha na súilean air nach d’thainig deur an àm a dha chois a chall, a nis a’ sile gu frasach, o choimeasga de aoibhneas agus de mhulad! An ceann seachduinn no dha an diaigh so, rinn e guth orm, agus dh’aithris e dhomh eachruidh uile, agus fhein-fhiosrachadh. Bha iongantas air nach d’fhuair mi riamh sgeul uime ’n uair a liuthair mi an t’ searmoin a fhreagair ga chor-sa. Mu thimchioll bliadhn an diaigh so chaidh aghabhail a stigh mar bhall d’ ar n- eaglais-ne, air dha dearbha taitneach a thoirt gu’m b’fhior Chriosduidh e. O chionn ghoirid chuala mi gun robh e gu tinn, agus chaidh mi ga fhaicinn. ’Nuair a dh’inntrinn mi a sheomar, thuirt e. Thig a stigh, a dhuine le Dia! Bha mi gabhail faduil gu t’fhaicinn, a dh’ innse dhuit cor sonadh m’-inntinn. Se mo bharail gu’m faigh mi ’n uine ghearr am bas: ach cha’n’eil am bas a nis na uamhas orm. Se gath a bhais am peacadh, ach buidheachas do Dhia, thug e dhomhsa a bhuaidh trid Iosa Criosd. Tha mi triall gu neamh! O! ’s mor a rinn Criosd as mo leth, aon de na peacaich bu ghraineile bh’ air thalamh! Beagan m’ an do chaochail e, thuirt e. “’Stric a bha mi ann am barail gum b’eagallach an ni dol gu bás, ach tha mi nis ga mhothacha so-dheanta. Tha lathaireachd Chriosd ga dheanamh furasda. Tha ’n sólas a tha mi ’faireachduinn ag eiridh o ghràdh Dhe do pheacaich, o bhi smaoineachadh [TD 6] air bhi maille ris an t’ Slanuighear, air mo shaoradh o chridhe peacach, agus o bhi mealtuinn làthaireachd Dhe gu siorruidh, nis mó n’ as urrainn domh a chuir an cèill! O am mughadh baralach a th’ agam mu Dhia, umam fein, agus mu shaoghal eile an drasta, seach na bh’agam ’n uair a chaill mi mo dha chois air bord an Venerable! Bu shôlasach an call dhomhs’ e! Mar caillinn mo chosan, bha mi ’n cunnart m’ anam a chall!” Le lamha togta agus glaiste na chéile, agus a shúilean a’ dealradh le fior-dhurachd troi na deoir a bha sruthadh uatha, thuirt e, “O fhir-theagaisg ionmhuinn, guidheam ort, ’n uair a thèid mis eug, searmonaich searmoin adhlaic do sheoladair bochd; agus innis do chàch, gu h-araidh do na maraichibh, a tha co aineolach agus co malluichte sa bha mise, gun d’fhuair Cobhey bochd trocair o Dhia, tre chreidimh, ann am fuil Criosd! Innis doibh o’n a fhuair mise trócair, nach ruig aon neach a dh’ iarras e duil a thoirt deth. ’Saithne dhuit fein mar their thu gu mòr ni’s fearr na’s aithne dhomhs’ e! Ach, O! buin gu dúrachdach riu; agus gun deonaiche Dia gum faigh mo choimhearsnaich aingidh, agus mo cho’ sheoladairean trocair co math ’sa fhuair Cobhey!”—Thuirt e moran tuille: ach si cainnt ma dheire thuirt e, Haleluia! Haleluia! Ma tha cunntas mu threubhantachd agus mu chruadal aithrigh air an cumail air chuimhne, cha lugha tha iompachadh, aithrigh air a chuir sios, chum cliu gràis Dhe mar urram do chreidimh ar Tighearna Iosa Criosd. Nam faiceadh na daoin uails, a- bha aon uair nam fianuisean air a neo-dhiadhachd, mar ghnathaich se e fein aig uair a bhàis, chitheadh iad an caochladh taitneach a thainig air tre ghràs foghainteach ar Fir-shaoruidh thrócairich. Cha ’n ’eil an sgeul mu thoiseach caithe-beatha an duine so nis freagarraiche do ghnáthachàdh a chuid is pailte de mharaichibh cruaidh chridheach, mi-naomha, na tha a chaithe-beatha an deireadh a laithibh, air caithe-beatha a chriosduidh, agus na dhearbhadh air an fhianuis fhior agus dhileas, aithrigh air gabhail rithe leis gach taitneachd, “Gun d’ thainig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a “thearnadh pheacach.” Tha ’n co’-chordadh a tha eadar oibre naduir agus focal De, air an comharrachadh gu cothromach a mach a dhearbhadh gur ann o Dhia a thainig iad araon, agus a nochda gu bheil ioma ni annta, nach urrainn duinn a lán thuigsinn. Ach ’s coir a thoirt fainear nach ’eil a bhi meoraich air a cho-chordadh so a mhain a socrachadh creidimh, ach mar an ceudna dochas chreutairean ciontach a philleas ri Dia. Mar nach d-fhàg se e fein an aon àite gun fhianuis, a’ dearbhadh le oibribh agus le fhreasdal, nach ’eil e fada o aon neach againn, [TD 7] agus gur h-ann uaith-san a tha ar bith, ar beatha agus comas gluasad; ’s amhuil a tha ’n soisgeul ga thoirt dlu do ’n chiontach, agus dhoibh-san a tha gan diteadh fein. Ma tha aon neach a tha ’g aideachadh an Tighearn Iosa le bheul a’ lan chreidsinn, agus a’ tuigsinn brigh a chainnte fein, cha ’n fheum e tuille a thoirt misniche dha gu teachd le muinghinn chum Dhe, agus gu barantas a thoirt da chum gairm air, agus earbs’ a throcair. Tha na tha air aithris m’ an t-seoladair so a’ cuir sin gu soilleir an cêill. Gun deonaicheadh Dia gun smaoinich gach neach a leughas e air a chúis, gun gabh iad aithreachas agus gun creid iad an soisgeul! agus gun cum iad ’nan cuimhne gur neo-chomasach dhoibh-san dol as, a ni dearmad air slainte co mor agus ro cinnteach ’s a tha focal De a’ foillseachadh. EIFEACHD FUIL CHRIOSD. 1 O ’s ann tha ’n éifeachd ’am fuil an Uain! Chum ar n-euceartan ghlanadh uainn; ’S bochd an sgeul a tha r’ a leughadh Nach ’eil spéis di a réir a luaich. 2 Tha daoine gòrach air sheól n’ a dhá, Nach áill leo dóchas a chur ’n a bhàs; Theid iad a dhí a dhiobhuil eòlais Air an fhuil chaidh dhórtadh chum ar slaint: 3 An dream thug spéis di cha dean iad uaill, On is e chaidh cheusadh an àit’ a shluaigh; Cha ’n ann diu fein a fhuair iad an réite, Ach leis an éifeachd tha ’m fuil an Uain. 4 ’S e fein is éigin an cumail suas, An uair thig deuchainnean iomad uair; Tha mheud de thruaillidheachd mu ’n cuairt doibh ’S nach toir iad buaidh ach le fuil an Uain. 5 Tha daoin’ an t-saoghail an gaol ’s gach uair Chum na caoirich thoirt thaobh o’n uan; ’S tha ’n leoghann beucach a ghnáth a’ saothaireach Dh’ fheuchainn cò dh’ fhaodas e shlugadh suas. 6 O fanaibh dùlth chum ’s nach toir e buaidh! Na tugaibh géill da is théid e uaibh: A shaighdibh téinteach deanaibh a mhùchadh, O ’n rinn sibh cumnhant ri fuil an uain. [TD 8] 7 O bithibh laidir le armachd Dhe! Biodh creideamh slainteil agaibh mar sgéith: ’S an uair bhios satan ag iarriudh fàth oirbh Le cainnt an t-Slannighear dúinibh a bheul. 8 ’N uair bhios e faineachd am bheil sibh sgìth. Innsibh dha gn do bhàsaich Criosd; ’S gu bheil ni ’s leoir anns an fhuil chaidh dhòrtadh; ’S gum bi bhur dóchas innt’ gus a’ chrioch. 9 ’N sin thig e ’n càrdeas is their e-féin, Gur sibhs’ an àireamh tha ’m fàbhor Dhe; Is ge do ghluais sibh mar is áill libh, Gum bi sibh sabhailt air feadh gach ré. 10 Ach innsibh dha gur h-iad cairdean Dhe, Aig am bheil àithntean ’s a ni d’ an réir; Nach dean àicheadh an làthair an t-sluaigh, Ach a lean an t-Uan ge b’ e taobh a théid. 11 ’S e cuilbheirt shatain bhi laidir tréun, A chumail chairdean gun ghràdh da chéil’; Feuchaidh e faillinnean anns na bràithribh, Dh’ fheuchainn an tàr e an cur o chéil’. 12 O ’s feumail a bhi ri caithris bhuan! ’S a bhi ’g éigheach ri Righ nan sluagh; Cha ’n ’eil ni chumas dluth ri chéil’ iad Ach an éifeachd tha ’m fuil an Uain. 13 Trid an Ti thug ar síth mu ’n cuairt, Cha ’n ’eil ni anns nach toir sinn buaidh: Co a dhíteas, no leagas sios sinn ’S Fear-coimhead Israeil ’g ar cumail suas? 14 A’ dol troimh ’n fhàsach ’s e fein an cúl, Oir tha iad dha-san mar chloich a shùl’; Tha ghealla gràsmhor nach dean e ’m fàgail, Gus an toir e sàbhailt iad chum na h-ùir. 15 Trid gleann a’ bháis bidh e féin ’n an còir, Gu ’n toirt sábhailt a suas chum gloir; ’S gu ’n cumail tearuint o gach námhad, San tîr àghmhor am mair iad beo. 16 ’S an uair bhios iad thall thar na h-uile truaigh, Bidh iad ag innseadh co thug dhoibh a bhuaidh; Cha bhi a h-aon diu nach cuir ris a sheuladh, Gur h-ann bha ’n éifeachd ’am fuil an Uain. A’ CHRIOCH.