[DA 1] SEARMONA LE MR EOBHANN MAC DIARMAID, MINISTEIR ANN AN GLASCHO, AGUS NA DHEIGH SIN, AN COMRIE. Deanaibhse aithreachas agus bithibh air bhur n-iompachadh, chum gu’m bi bhur peacaidh air an glanadh as, ’nuair a thig amanna fionnuaireachd o làthair an Tighearna. GNIOMH. iii. 19. Agus is àill leam thu thoirt dearbh-chinnte air na nithibh sin, chum gu’m biodh iadsan a chreid ann an Dia cùramach air toiseach a bhi aca ann an deadh oibribh: oir tha na nithibh so maith agus tarbhach do dhaoinibh. TIT. iii. 8. Duneidin: CLO-BHUAILTE LE T. STEUART. 1804. [DA 2] [Blank] [DA 3] DO’N LEUGHADAIR. ’NUAIR ata co lion do Shearmona Beurla air an cur an Clò, san rioghachd so, a mineachadh teagasga cudthromach an t-shoisgeil agus dleasnais a Chriosduidh; is aobhar iongantais do mhòran air feadh Gaidhealtachd na h-Alba nach dthugtadh ionnsuidh sam bith air Searmona Gaelic a chlò-bhualadh air son nan Gaidheal do nach ’eil a’ Bheurla so-thuigseach. Air iarrtas mhòrain do Chairdibh agus luchd eisdeachd an Ughdair tha cuid d’a Shearmona an so air an cur an clò, an dochas gu’m bi iad, le beannachadh Dhé, feumail air feadh na Gaidhealtachd agus gu h-àraidh a measg an dream a bha oan uair a frithealadh a Mhinisteireachd. Dhoibhsan a chleachd a [DA 4] bhi g’a éisdeachd, bithidh an leabhar so na cuimhneachan air ’fhoghlam, air firinn a theagaisg agus air fileantachd a bhriathra; Agus tre sin, air dha bhi marbh, tha e fathast a labhairt. Eabh. xi. 4. Tha na h-Oig-fhir, ata ’g iarruidh dreuchd na Ministeireachd ag gearan nach eil Eiseimpleir do Shearmona Gaelic re’m faotainn, ’s gu bheil mòran focail anns a’ Bheurla nach ’eil farasd re eadar-theangachadh. Tha aobhar a bhi ag earbsa gu’m bi an leabharsa mar-oan taitneach agus feumail dhoibhs’. Oir ge nach eil i cho coimhlionta sa bhitheadh i n’am bu bheo an t-Ughdar a thoirt a shoathair féin gu follas, chi iad, gidheadh, mòran do nithibh anns an araidh e air a leantuinn Eiseimpleir. [DA 5] CLAR-INNSIDH. SEARM. I. agus II. MATA xvi. 26. Taobh Oir ciod an tairbhe a ta ann do dhuine, ge do chosnadh è an saoghal uile, agus anam fein a chall? 1. 23. SEARM. III. ROM. iii. 23. Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd, a dheidh-laimh oir gloir Dhe 46. SEARM. IV. ROM. iii. 23. Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd gearr air glòir Dhè. 59. [DA 6] SEARM. V. LUCAS xviii. 13. Taobh A Dhia, dean tròcair ormsa ’ta ’m pheac- ach 71. SEARM VI. 1 PEAD. ii. 25. Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seacharan; ach philleadh sibh a nis chum Buachaille agus Easbuig bhur n’ anama 88. SEARM. VII. SALM cxxx. 3. A Thighearna, nan comharaichteadh leat- sa lochdaidh, co o Thighearna, a sheas- adh ann ad’ fhianuis. 108. SEARM. VII.* EABHR. iv. 16. Thigeamaid uime sin le dànachd gu righ- chaithir nan gràs, chum gu faigh sinn [DA 7] Taobh trocair, agus gu’n amais sinn air gràs chum cobhair ann an àm feuma 120. SEARM. VIII. ROMH. xiv. 8. Oir ma’s beo dhuinn, is ann do’n Tigh- earn a tha sinn beo: agus ma’s bàs duinn, is an do’n Tighearn a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin ma’s beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearn sinn 140. SEARM. VIII.* NAHUM. i. 7. ’Ta ’n Tighearna math’ na dhaighneach- adh treun an la triobloid agus teinn, agus ’s aithne dha’n dream, a tha cuir earbs’ ann 153 SEARM. VIII.** GAL. iv. 5, 6. Ach ’nuair a thainig coimhlionadh na h-aimsir chuir Dia a mhac fein uaithe a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fuidh [DA 8] Taobh ’n lagh, chum gu’n saoradh e iadsan a bha fuidh ’n lagh, ionnas gu’m faigh- eamaid-ne uchd-mhacachd na cloinne 171. SEARM. IX. EOIN. i. 12. Ach a mheud ’sa ghabh ris, thug è dhoibh cumhachd a bhi ’nan cloinn do Dhia, eadhon dhoibhsan ata creidsinn ’na ainm 193. SEARM. X. TAISBEAN. xix. 9. Agus a deir e rium, Scriobh, Is beannuich- te iadsan ata air an cuireadh gu suip- eir-bhainnse an Uain 210. SEARM. XI. ROMH. iv. 12. Neach a thugadh thairis air son ar cion- taidh ne, agus a thogadh suas a-ris air son ar fireanachaidh 232. [DA 9] SEARM. XII. ROMH. viii. 32. Taobh An ti nach do chaomhainn a mhac fein, ach a thug thairis e air ar soin-ne uile, cionnas nach tabhair e mar an ceudna dhuinn gu saor na h-uile nithe maille risan? 250. SEARM. XIII. 2 CORIN. viii. 9. Is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Criosd, ge do bha e saibhir, gidheadh gu’n d’rinneadh bochd e air bhur son- sa, chum gum biodh sibhse saibhir trid a bhochduinn-san. 270. SEARM. XIV. LUC. xv. 18, 19. Eiridh mi, agus theid mi dh’ionnsuidh m’ Athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi n’ aghaidh fhlaitheanais, [DA 10] Taobh agus a’d làthairsa; agus cha’n fhiu mi tuilleadh gu’n gairte do mhacsa-dhiom; dean mi mar aon do d’ luchd tuarasdail. 284. SEARM. XV. II. CORIN. xii. 9. Agus a dubhairt e rium is leòir mo ghràs- sa dhuit: oir ata mo chumhachd air a dheanamh foirfe ann an anmhuinneachd. 303. SEARM. XV.* II. CORIN. xii. 9. Agus thuirt se rium, ’s leoir mo ghràs-sa dhuit. 315. SEARM. XVI. TAISB. iii. 21. Dhà-san a bhuadhaicheas bheir mi co- mas suidhe maille rium, air mo Righ- chaithir, eadhon fòs mar a bhuadhaich mi fein, agus a tha mi am shuidh’, [DA 11] Taobh maille rem’ Athair, air a Righ-chath- air 328. SEARM. XVII. EPHES. v. 6. Na mealladh neach air bith sibh le briath- raibh diomhaineach, &c. 345. SEARM. XVIII. 2 THESS. ii. 3. Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor 359. SEARM. XIX. ROMH. xiv. 8. Oir ma’s beo dhuinn, is ann do’n Tigh- earna ata sinn beo; agus ma’s bàs duinn, is ann do’n Tighearna ’ta sinn a’ faghail bàis; uime sin ma’s beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearn sinn 382. [DA 12] SEARM. XX. COLOSS. ii. 6. Taobh Uime sin, mar a gabh sibh chugaibh an Tighearn Iosa Criosd, gluaisibh ann 395. SEARM. XXI. GNIOMH. xx. 32. Searmoin dealachaidh. Agus anis, a bhraithre, tha mi gar taic- eadh re Dia, agus re focal a ghràis, ata comasach air sibhse a thogail suas, agus oighreachd a thoirt duibh, am measg na muinntir sin uile, ata air an naomhachadh 416. [TD 1] SEARMOIN I. MATA XVI. 26. Oir ciod an tairbhe a ta ann do dhuine, ge do chosnadh è an saoghal uile, agus anam fein a chall? ’NUAIR a chaill anam an duine iomhaigh Dhè, fhuair an saoghal aite-comhnuidh ’na chridhe. Thilg sànnt, uabhar, agus glòir-mhiann, Adhamh sios gu làr, o’ cheud staid sholasach, neo-chiontach, shona. Chum na nithe ceudna clann nan daoine fada san staid pheacach bhronach so. ’Nuair a dh’ iomain Aingeal an Tighearna an duine as a ghàradh; ghlachd an Diabhol è-fèin agus a shliochd air làimh, agus dh’iomain è iad fad air falbh o Dhia agus o’ shonas, gu peacadh, peanas, agus doruinn. O chruthachadh an t-saoghail a ta nithe Dhè nach fheudar fhai- [TD 2] cinn, eadhon a chumhachd siorruidh agus a Dhiadhachd air am facicinn gu soilleir, air dhoibh a bhi so-thuigsin o na nithe a rinneadh. Gidheadh ’nuair a b’aithne dhoibh Dia, cha d’ thug iad glòir dha mar Dhia; agus cha robh iad taingeil, ach dh’fhàs iad diomhain ’nan reusonnachadh fèin, agus dhorchaicheadh an cridhe amaideach. Bha ’n suilean gun lèirsin, an cridhe gun mhothachadh, agus an inntinn gun smuainteach. ’Nuair a dhealraich Solus na Grèine air an talamh; ’nuair a thainig an Slànuighear a dh’ionnsuidh an t-saoghail; bha Mac an duine ard-chrèutair Dhe air thalamh gun eòlas air Dia, gun eòlas air fiòr-shonas. Bha an t-anam neo-bhasmhor ag iarruidh sòlas agus toileachas-ìnntinn o na creutairean mealltach, bàsmhor; bha an Saoghal a’ gealltuinn sonais; bha na h-anamianna feòlmhor air an sàsuchadh; bha an corp a’ snàmh a’m measg saibhreas agus pailteas: ach bha an t-anam air seacharan; a’ bruadar mu shonas; lan do lotaibh agus do reubaibh; ann an dìth agus ann an uireasbhuidh. An dèigh do’n t-Slanuighear mòran do mhiorbhuile a dheanamh; ’n dèigh dha na- [TD 3] dur a rioghachd fhoillseachadh; ’n deigh dha a dheisciobuil a ghairm agus fhoghlum; an deigh do Pheadair aidmheach, Gu’m b’è Criosd mac an Dè bheo: Bha dùil aig moran do na h-Judhaich, bha dùil aig na deisciobuil; bha dùil aig Peadair fèin; gu ’n saoradh e na h-Judhaich o thrailleachd nan Romanach; gu’n togadh è iad ’suas oscionn an naimhde; agus gu’m bitheadh a’ rioghachd mor agus glòirmhor air talamh. Ach a chum ’s gu’m faiceadh na deisciobuil a’m mearrachd; thòisich Josa air a nochdadh dhoibh; cionnas a b’ èigin dha-san moran do nithe fhulang; a bhi air a chur gu bàs, agus eiridh ’suas aris air an treas là. Cha do thùig Peadar na nithe sin, thug è achmhasan d’a mhaighstir, ag ràdh; gu ma fada sin uaitse, a Thighearna. Tha am freagradh a thug Josa air, gu beachdail a’ ciallachadh, gur è Satan agus gaol a t-saoghail a dhall suilean inntinn. Agus a bha lionadh a chridhe; Imich air mo chul a Shatain, is oilbheum dhomh thu: oir cha’n ’eil spèis agad do nithibh Dhè, ach do nithibh dhaoine. ’N deigh so dh’ innis Josa gu soilleir do na deisciobuil uile, nach b’ ann air thalamh a bha a’ rioghachd; nach b’ iad [TD 4] nithe mòr an t-saoghail so, sonas a shluaigh; nach b’urrain duin’ air bith dà mhaighstir a’ riarachadh gu dìleas, dligheach. Ma bha mòr-ghaol aca air nithe mealltach, bàs-mhor na beatha so; ma bha iad ’nan tràillean d’an anamiannaibh feòlmhor fèin, agus do namhaid an anama; nach robh e comasach gu ’m bitheadh barrachd gràidh aca air Dia; gu ’n iarradh iad a ghnùis agus a chàirdeas oscionn gach ni; agus gu ’n deanadh iad a thoil, ge do chailleadh iad an saoghal mu ’n iagh Ghrian. Tha an Diabhol agus an Saoghal anns gach am agus àite, a’ mealladh ar n-anama; a’ buaireadh ar n-aigneidhe; a’ dùsgadh ar n-anamhianna, agus a’ goideadh air falbh ar cridhe. Chum ’s gu ’m bitheamaidse agus gach neach air am freasdal an aghaidh an t-saoghail. Tha esan aig an robh fiòr-eolas air luachmhoireachd gach ni ann an neamh agus air thalamh, a’ feòraich d’a dheisciobuil, do gach crèutair reusantach, do chloinn na ’n daoine uile; Ciod an tairbhe a ta ann do dhuine, ge do chosnadh è an saoghal uile, agus anam fein a chall? [TD 5] Ann an labhairt o na focail so, tho mi cur romham, trid coghnadh Spiorad Dè. I. Air thùs fheuchain dhuibh, nach bitheadh tairbhe ach call ro-mhòr ann, ged ’a b’urrain duine gach sòlas, subhachas, beartas, agus nì a tha ’san t-saoghal so fhaotainn, na ’n cailleadh è anam neo-bhàsmhor fein ’sa mhalairt. II. Anns an dara àite, a’ nochdadh dhuibh amaideachd nan daoine sin, a tha tilgeadh air falbh, agus a’ call an anama airson an ro-bheagan do nithe an t-saoghail a ’s urrain tuiteam g’an crannchur-sa III. Anns an treas àite, fiosraichidh mi luachmhoireachd an anama. IV. ’N deigh so uile, Brosnaichidh mi sibhse, agus mi-fein gu bhi curamach, freasdalach, agus dichiollach mu shonas siorruidh ar n-anama. I. Air thùs, tha mi gu fheuchain dhuibh, nach bitheadh tairbhe, ach call ro-mhòr ann; [TD 6] ged’a b’urrain duine gach solas, subhachas, beartas, agus ni a tha ’san t-saoghal fhaotainn, na ’n cailleadh è anam neo-bhàsmhor fein ’sa mhalairt. Tha mac an duine air a dhealbh do dhà nì, corp agus anam. Tha nithe an t-saoghail so a ’sasuchadh a’ mhiannaibh, a’ biathadh a thògraidh, agus a’ freagairt gu ro-mhath do uireasbhuidh a chuirp. Mar tha ’n t-Abstol Pol ag radh, Tha am biadh air son na bronn, agus a’ bhrù air son a bhìdh. Tha cuid do nithibh ann a tha tabhairt sòlas do ’n inntinn; tha cuid eile ann a tha tabhairt subhachas do ’n anam fein. Ach mo thruaighe, a’ mhuinntir ionmhuin, tha an solas so neo-tharbhach, siubhlach, truaillidh agus carrthach. Tha an subhachas so cunnartach, fàllsail, fàs agus cealgach. Tha cridhe mhic an duine làn do mhiannaibh. Ged ’a b’urrain è gach sonas, agus gach subhachas a tha ’san t-saoghal so fhaotainn, dh’ iarradh è tuillidh. Tha miannaibh an duine na ’s farsuinge na ’n Saoghal so, tha iad oscionn an t-saoghail, agus cha ’n urrain an Saoghal gu bràth an làn-thoilleachadh. ’Nuair a fhuair an laoch trèun [TD 7] Alastair mòr, làmh an-uachdar air an t-saoghal uile, mar leanabh gun mhathair, ghuil è, nach robh saoghal eile ann air am faigheadh e buaidh. Cha ’n iad na Righrean, na Prionnsuidh, no na daoine mòra, na daoine is sonadh. Ged’ a bhitheadh gach rioghachd air thalamh fuidh chumhachd aon duine; ged’ a bhitheadh gach bochd agus beartach a’ meudachadh a’ stòrais; ged ’a bhitheadh gach bèul a’ sgaoileadh a chliù; ged ’a bhitheadh a’ ghlòir agus a’ mhòralachd, air an aidmheil leis gach teanga anns a chruinne-chè; ged ’a mhealladh è slàinte agus aiteas car cèud-bliadhna, ged’ a bhitheadh gach duine mar charaid dà, agus gach caraid dileas; ged ’a bhitheadh a chlann agus a theaghlach, gu h-uile, gaolach, freagarrach; gidheadh bhiodh sonas an duine so fein mealltach; cha mhairreadh è ach car tamuil ’nuair a dh’ fhagadh è an saoghal so, dh’ fhagadh è a shòlas, agus a shonas ’na dhèigh. Tha ’n corp truaillidh, neo-mhairreannach; ann an ùine ro-ghrad caillidh gach ni talmhaidh an Suim. Tha an duine diom-buan, agus tha gach sòlas talmhaidh, corporra, cosmhail re [TD 8] corp an duine, diombuan mar an ceudna. ’Sann as an talamh a thainig a cholluin, ’sè an talamh a h-àite-comhnuidh, tha mòr-ghràdh aice air nithe talmhaidh. ’Si an duslach a’ mathair, tha còir aig a mhathair air gràdh na colluin; tha i gach là ag iarruidh tuille dheth, agus gach là a’ faotainn tuille ’sa chòir, ’sè so a tha reubadh agus a’ lotadh ar n-anama. ’Nuair a tha sinn frighealtach, mu uireasbhuidh a chuirp, tha sinn di-chuimhneach, neo-churamach mu shonas ar n-anama. ’Si a cholluin an eideadh, ’Sè an t-anam an duine. Tha cholluin gach là agus uair ag innseadh a h-uireasbhuidh le iolach ard nan aigneidhibh agus tograibh, tha so a’ dùnadh cluasaibh na h-inntin, an aghaidh gearan ciùin an anama. ’Siad maitheanas peacaidh, fior-chreidimh anns an t-slanuighear, dochas ’na eadar-ghuidhe agus ’na fhireantachdsan, gràdh agus càirdeas De amhain, a bheir sonas, subhachas agus aoibhneas do ’n anam neo-bhàsmhor. Thainig an t-anam o Dhia fein, ’sesan athair ar spioraid; tha ’n t-anam gu minic air seacharan air thalamh; cha ’n ì so a dhuthaich no àite-taimh; cheangail Dia sonas an anama re chàirdeas fein amhain; cha d’ thoir gach ni a [TD 9] tha ’san t-saoghal gu brath so dha, agus gu ’s am faigh è so, cha bhi è gu bràth sona. Ged’ nach bitheadh ach aon duine air an t-saoghal, agus ged’ a bhiodh gach ni a ta ann aige; scapadh tinneas a sholas agus aoibhneas; chromadh sean-aois a cheann gu làr; agus ged’ nach d’thigeadh a h-aon diu so air; ged’ a fhreagradh gach ni rèir a thoil, ged’ a shoirbhicheadh gach nì ’na làimh, cha d’thugadh iad so uile sonas do ’n anam, nach roghnaiche subhachas bliadhna, na dòruinn car seachduin? Nach fhearr sonas o shiorruidheachd gu siorruidheachd, na solas bochd an t-saoghail so car ceud bliadhna? ’Sann o Dhia amhain a tha air bith, air beatha agus air gluasachd. ’S esan tobar na beatha; ’s ann uaithe tha gach nì math a’ fruthadh; ’s esan air thùs a chruthaich an t-anam; chruthaich è ’n duine chum sonais; ’s ann uaithe fèin amhain a gheibh è sonas, mu’r faigh è so o Dhia, cha ’n ’eil nì eile ’sa chruinne bheir sonas dha; agus mu chailleas è càirdeas Dè, caillidh è sonas, agus anam le cheile. ’Sè sonas an duine bhi cosmhuil re Dia; chuir Dia chum an t-saoghail è a dh’fheuchain agus a neartachadh a shubhailcean. Cha d’ordaich, [TD 10] cha do gheall Dia dha fior-shonas air thalamh. Mu tha dùil aige làn-shonas fhaotainn o nithe truaillidh na beatha so; freagradh è a cheisd a tha Criosd, an solus fìrinneach, tobar gach eolais agus gliocais, a’ cur ris. Oir ciod an tairbhe a ta ann do dhuine, ge do chosnadh è an saoghal uile, agus anam fèin a chall? II. Tha so g’am thoirt air m’aghaidh anns an dara àite gu nochdadh dhuibh mòr-amaideachd nan daoine sin, a tha tilgeadh air falbh agus a’ call an anama, airson an ro-bheagan do nithe an t-saoghail so, a’s urrain tuiteam gu ’n crannchursa. Ma tha air Slànuighear ag radh, nach ’eil tairbhe ann, ge do chosnadh duine an Saoghal uile, ’nan cailleadh e anam fein ’sa mhalairt; Gu cinnteach cha ’n ’eil tairbhe ann do na daoine sin, a tha tilgeadh air falbh, agus a’ reiceadh an anama air luach mòran na ’s dìblidh, agus na ’s lugha ’nan ceud mile cuid do bheartas agus sòlas an t saoghail so. Ma bheachdaicheas sinn mu ’n cuairt duinn, ma smuainticheas sinn gu ceart air sonas an t-saoghail; chi sinn nach ’eil anns a chuid a ’s [TD 11] fhearr dheth ach bristeadh cridhe; mu’r biodh dùil againn re fior-shonas an taobh thall do ’n uaigh. Tha duil aig mac an duine, gu bheil sonas so-ghlacadh air thalamh, agus gu bheil gach nì làn deth. Ach mo thruaighe! a mhuintir ionmhuinn, ’s dochas mealltach so. Tha sonas an t-saoghail mar bhogha-frois, ’nuair a tha duil againn a bhi teann air, agus gu’r urrainn sinn a ghlacadh, tha è ruidh air falbh na ’s fhaide uainn, tha e ’gar fàgail, agus ’gar dibreadh anns gach dochas, anns gach àite, anns gach ni. Tha duil aig mòran gu ’m faigh iad sonas a’m beartas; tha dùil aig cuid gu ’m faigh iad sonas o ghlòir agus onoir, tha dùil aig cuid gu ’m faigh iad sonas ann an sàsuchadh an an-mhiannaibh feolmhor, tha duil aig cuid eile gu ’m faigh iad sonas ann an slainte, a’m boidhchead, an cloinn, an cairdean. Ach mo smuainticheas sinn gu beachdail air gach ni dhiu sin fa leath chi sinn nach ’eil fior-shonas re fhaotain o aon diubh. I. Air thùs, cha ’n fhaigh sinn fior-shonas o bheartas. Tha beagan do nithe maith an [TD 12] t-saoghail so feumail; tha è ceadaichte, tha e ceart, tha e air ordachadh dhuinn nithe feumail fhaotain air arson fein, agus arson air teaghlaich. Ach tha air Slanuighear ag innseadh dhuinn gur gann a theid duine beartach a steach do rioghachd Neamh. Tha mòr-churam mu nithe talmhaidh, agus mòr-ghràdh do ’n t-saoghal gu minic fuaighte re beartas. Ach ma ruigheas curam an t-saoghail air falbh le’r cridhe, ma lotas è an inntin, ma mhortas è an t-anam; ’s truagh, ’s aimideach, ’s gorach a’ mhalairt so. ’S trioblaideach an ni beartas a thional; ’s mòr an curam, ’s mor an stri, ’s mor an dichioll, an Iomartas agus an deanadas a ghabhas è, mu’n cruinnich duine storas re cheile. ’S fheadar dha eirigh moch, agus luidhe anmoch; ’S fheadar dha bhi tric gun bhiadh, tric gun deoch, tric gun chlos, tric gun aoibhneas. Tha chridhe làn do champar, do fhuath, do an-earbsa, do thair, do fhearg, do fharmad. ’Sè truaighe chàich a bheir aiteas dhasan; ’Sè beartas chàich a lionas inntin le dubhachas, agus anam le bròn. Tha duil aige gu bheil sonas agus beartas fuaighte re cheile. Ma gheibh è beartas bithidh è air a phianadh a’ ceannach [TD 13] solais o gach ni. An diugh tha e gu h-aigionnach, aoibhin an dochas re solas o chraos, o mhisg, agus o mhi-gheamnuidheachd, ach am maireach, tha e gu tuirseach trom, tha fheinfhiosrachadh ag innseadh, gu ’n robh è am mearrachd ’na bharail, gu ’n robh a dhochas faoin, agus gur faileas mealltach a bha è leanntuin. Ach mo thruaighe, a’ maireach aris di-chuimhnichidh è so, bheir e oidhirp eile sòlas fhàsgadh o na nithe ceudna; biaidh è ’n ath-latha a’ gearran gu ’n robh iad breugach, carthach; agus mar so, o là gu là, agus o bhliadhna gu bliadhna. ’S iomad bacadh, ’s iomad rib, ’s iomad ceap-tuislidh a tha eadar an duine beartach agus sonas. Cha ’n eil è smuainteach air aon ni, ach cionnas a chruinnicheas è tuillidh stòrais; agus cionnas a ghlacas e solas leis na h’ aige. ’S duilich an ni storas a thionnal, ach ’s dora gu mòr sonas a ghlacadh leis an lion ghrod, bhristeach, fhallsail so. Tha ’n duine beartach eagalach, gu’m bi è bochd, eagalach gu ’n gaoid meirlich a chuid, gu ’n d’thoir a choimhearsnach an car as, agus gu bheil gach duine ’san t-saoghal an ti air a mhealladh. Cha ghleidh ar beartas an corp o thinneas, na sùilean o dhearaibh, an [TD 14] inntin o mhulad, an cridhe o bhròn, an t-anam neo-bhasmhor o dhoruinn shiorruidh. Cha saor beartas ar caraid gaolach, ar brathair cridhe, ar piuthar, ar mathair, ar n-athair, no ar Clann o chumhachd a bhàis. Cha dean storas leaba na h-anshocair mìn, solasach, taitneach; cha spìon beartas an gath as a bhàs; cha scap è air falbh mar dheathach, eagal a pheacaidh; cha ghlan è sinn o ar peacadh gin agus gniomh; cha druid è geataibh Ifrionn; cha stiur è gun mhearrachd gu aros De sinn. Feoraicheam anis an dean stòras sona sinn, am biodh tairbhe ann ge do chailleas sinn ar n-anama, ma gheibh sinn beartas? Gu cinnteach cha bhi. Air an aobhar so, a mhuintir ionmhuin, na leigibh le beartas breugach, carthach ruidh air falbh le’r miannaibh; ar cridhe a ghaoid o Dhia, agus ar n-anama neo-bhàsmhor a bhruthadh, a reubadh, agus a mhortadh. II. Aris. Cha ’n fhaigh sinn fior-shonas o ghlòir agus onoir an t-saoghail so. ’S ni taitneach gean-math agus deadh-dhurachd dhaoine glic, maith agus tuigseach. ’S [TD 15] ni ciatach, tlachdmhor gràdh ar càirdean agus luchd eolais. Ach is ni cunnartach, mealltach, millteach, glòirmhiann, na mòr-dheigh air onoir. ’S iomad bochd a chreach i; ’s iomad banntrach a dh’ fhàg i lomnochd; ’s iomad dilleachdan a dh’ fhàg i gun fhear-dìdein, ’s iomad duine treubhach, uasal, measarra a dh’ fhàg i gun tigh, gun teaghlach; ’s iomad corp a reub i, ’s iomad anam a mhort i. Tha muintir an t-saoghail mu ’n cuairt duinn gu tric aineolach mu’r beusaibh, agus mu’r caithe-beatha. Cha ’n fhiach cliù nan daoine so buidheachas; tha ar coguis fhein ag innseadh dhuinn, gu bheil iad an dara cuid breugach cealgach no aineolach. ’Si glòir-mhiann is mathair-aobhair air na blàraibh fuilteach, fuathach a tha ’measg dhaoine. ’S iomad duthaich, ’s iomad rioghachd a dh’ fhàg i ruisgte, gun ni, gun sluagh, gun neart. ’Siad no daoine saibhir, uaibhreach, mòr-chuiseach, stròthail, dàna, cruadalach a tha gu minic a’ faotainn glòir agus onoir ’san t-saoghal so. ’S iad na daoine dìblidh, gealtach, aimaideach, miodalach, aineolach gun tuigse a tha gu tric ’ga thoirt dhoibh. Tha eachdraidh a chinne-daona a’ dearbhadh gur fior [TD 16] so. Agus tha so a’ ciallachadh dhuinn, nach ’eil glòir agus onoir nan nithe, maith no luachmhor ionnta fèin, ’nuair a tha naimhde Dhe agus dhaoine gu minic ’g am faotainn o na daoine a ’s suarraiche agus a ’s lugha tuigse a tha air thalamh. An fhiach an ni truaillidh so an strì, agus an iomairt, a tha daoine a’ deanamh mu dhèimhin? An fhiu an deathach shiubhlach so anam neo-bhasmhor an Duine? A’m bi tairbhe aige, ge do chailleas e anam, ma bhuidhneas e onoir o dhaoine? An dean an onoir so, onorach è ann an lathair Dhe? An d’thoir ì sonas dha ’san t-saoghal so, agus anns an t-saoghal a tha re teachd? An ciùnaich so coguis lotaidh, ’nuair a mhosglas i è o chodal a pheacaidh? Freagradh an duine gloirmhiannach na ceistean so d’a anam, agus d’a choguis fein. ’Sè math a chinne-daona chur air aghaidh, gràdh agus cairdeas Dhe, agus curam mu’r n-anama priseil fhein, gloir, onair agus sonas mhic an duine air thalamh. Tha fior-ghlòir agus fior-shonas fuaighte re cheile. Tha gàol agus onoir an t-saoghail; fuath dhaoine math, agus fearg Dhia gu minic mar chuibhrionn aig an duine ghloir-mhiannach. [TD 17] III Anns an treas àite, cha ’n fhaigh daoine sonas ann an sàsuchadh an an mhiannaibh feolmhor. Cha ’n ’eil tràil air thalamh a ’s mugha na esan a tha ’na thrail d’a aigneidhibh agus d’a an miannaibh feolmhor fhèin. Tha staid nam bruide n’as sona agus na ’s solaisaich na staid an duine so. Tha brùidean na machrach a’ mealltuin an t-shòlais a chaidh orduchadh d’ an nadur, gun ghoimh, gun phiann, gun ghrabadh o’ choguis, na o reusan. Ach tha mac an duine, creutair reusanta, tuigseach ’na thràil do ’n fheoil, a phairt bhrùdail d’a nadur; a’ di-chuimhneach, agus a’ deanamh tàir air a reusan, an ni amhain a tha deanamh eadar-dhealachadh eadar è ’s na bruidean. Tha ’n corp air a bhiathadh, ach tha ’n t-anam air a leigeadh air dearmad. Tha chuid a’s mugha do chloinn nan daoine a’ bristeadh gach là aith ’n ar Slanuighear. “Na biodh ro-churam oirbh mu thiomchioll ar beatha, ciod a dh’ itheas no dh’ olas sibh, na mu thiomchioll bhur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh.” Ach ’s iad biadh, deoch, eudach, agus solàs do ’n cholluin amhain, a tha moran [TD 18] ag iarraidh; ma gheibh iad na nithe so, tha duil aca gu’m bi iad sona. Tha iad a’ caitheamh an ùine, an neart, an slaint, an storas, am buadhaibh, an curam, agus an anam fein, chum na nithe diblidh, suarrach, bàsmhor so fhaotain, do ’n cholluin bhreoite, lobhte bhasmhor. ’Nuair a tha ’m misg fhear ’san tigh osda, tha Bhean ’sa chlann ’nan cruban leo-fhein gu deurach, dubhach, bronach, gun bhiadh, gun deoch, gun sòlas, gun chuideachd. Tha am fear mi-gheamnuidh a’ mealltuin sòlas car tamuill ach tha goimh, peanas agus aithreachas an lorg an t-shòlais so. ’S iomad deur a chosd, agus ’s iomad cridhe a lot, solas mealltach car aon uair. Ge mor ar curam mu’n chollain, cha ’n fhad a mhairreas i; agus cha d’ thoir na duragan agus na daolan buidheachas dhuinn ’san uaigh air son a churam so. ’S gearr-shaoghalach, truaillidh colluin an duine; ’s grad-shiubhlach, teagmhach, solas talmhaidh; ’s laidir, bras, aigneidhibh an duine; ’sanntach, gionach, do-riarachadh a mhiannaibh. Ge do tha iad air an riarachadh car tamuil; an uine athghearra iarraidh iad tuille, iarraidh iad nithe eile. Tha so a’ nochdadh dhuinn, nach urrain duine [TD 19] anmhiannaibh a shasuchadh; gu bheil è cunnartach do ’n anam oidhirp a thoirt a dheanamh; agus ge do b’urrainn sinn a dheanamh, nach bitheamaid sona. O so chi sibh, nach bitheadh tairbhe ann, ge do gheibheadh duine solas do ’n cholluin, na’n cailleadh anam sonas siorruidh. IV. Anns an ait ’as deireannaiche, tha duil aig mòran, gum faigh iad sonas o shlaint, o bhòidhchead, o chloinn, agus o chairdean. Tha na nithe so math, taitneach agus solasach ’nan aite fein, ach cha deachaidh riamh an orduchadh chum fior-shonas a thabhairt do anam an duine. Ge do bhiodh cuid diubh sin aguinn bhiodh dèigh aguinn air càch, agus ge do bhiodh iad uil’ aguinn cha d’ thugadh iad dhuinn, an nì nach robh annta no aca, fior-shonas do ’n anam. Cha ’n ’eil an duine mealltuin air thalamh aon nì a’s fhearr, a’ solasaiche, agus is prìseile na slàinte. Ach ’s minic a tha ’n corp slàn, an uair a tha ’n t-anam air a reubadh le dubhailcean agus le peacadh. Tha an neart a- [TD 20] gus an t-slaint ’bu choir dhuinn a bhuileacheadh air seirbhis Dè, math a’ chinneadh-daonna, agus ar n-anama fhein, gu tric air an caitheadh, an diomhanas, an amaideachd, an struidhealachd, an craos, a’ misg agus a’ mi-gheamnuidheachd. Cha ’n ’eil còir aguinn air slainte; cha ’n ’eil fhios cia fhad a mhairreas i. Agus gu cinnteach cha bhi tairbhe ann, ge do mheallas sinn slaint’ air thalamh, m’a chailleas sinn slainte agus sonas siorruidh d’ar n-anama ann an neamh. Tha boidhchead taitneach do ’n t-shuil, ach cha ’n ’eil i seasmhach no mairreanach. Tha i fuidh chumhachd tinneis, no sean aois. Tha i grad-shiubhlach mar dhrùchd na maidne; tha i carrach, caochlaideach mar dhath nan nèul. Cha ghleidh i o thinneas, o phathadh, na o acras an corp. Cha saor i an inntin a thrioblaid na o bhròn; agus cha ghlan i an t-anam o pheacadh. Cha d’ thoir i subhachas dhuinn ’san t-saoghal so, na sonas siorruidh anns an t-saoghal a tha chum teachd. Is solasach an ni clann, ach ’s mòr trioblaid, piann, eagal agus curam pharantaibh. S dui- [TD 21] lich an ni, nithe feumail fhaotain dhoibh; ’s duilich an altrum agus an togail suas; ach ’s doradh gu mor am foghlumachadh, deagh bheùsan a theagasg dhoibh, agus an cur ann an staid chiatach ’san t-saoghal. Ma bhitheas iad math, bithidh toilleachas-inntin nam parantaibh mòr; ach ma bhitheas iad olc, bithidh an dubhachas moran na ’s mugha. ’S iomad cridhe ga ’n d’ thug iad solas; ach ’s iomad cridhe bhrisd iad. ’S iomad anam a lot iad, ach cha d’thug iad fior-shonas do h-aon riamh. ’S aoibhin an ni càirdean gaolach, glic, tuigseach; ach ’s carrach, mealltach càirdeas an t-saoghail so. Fhad ’sa mhaireas ar storas, ar creideas, ar neart, ar slàint agus ar cliù, cha bhi dith chairdean oirn. Ach ’nuair a chailleas sinn na nithe sin, trèigidh mòran sinn. Chi sinn gur call caraid a’ ro-thathaich; agus gur è cairdeas De amhain a tha gu ’n cheann gu ’n chrioch. ’Sè so an cairdeas a’ nì subhach, aoibhin, ait sinn air gach àm, anns gach aite, agus anns gach staid. ’Sè so amhain a bheir dhuinn sòlas air thalamh, agus sonas siorruidh ann an Aros Dè. [TD 22] O na nithe chaidh a labhairt, tha mi ’n dochas gu bheil sibh a’ faicinn, nach mor a ’s fhiu sonas dìblidh, suarrach, salach an t-saoghail so. Air àm eile, ma bheir Dia comas duinn, fiosraichidh mi lucahmhoireachd an anama. Gu ’m beannaicheadh Dia na chaidh a labhairt air an àm, a’ reir a thoil agus fhocail; agus d’a ainm naomha gu ’n robh gloir a nis agus gu siorruidh. Amen. [TD 23] SEARMOIN II. MATA. XVI. 26. Oir ciod an tairbhe a ta ann do dhuine, ge do chosnadh è an saoghal uile, agus anam fein a chall? CHA ’n ’eil crèutair air thalamh ach mac an duine a mhain, aig am bheil rèusan, coguis agus anam neo-bhasmhor. ’Nuair a dh’ ith Adhamh am meas toirmisgte, agus a bhrist e reachd Dhe chaill è chòir air sòlas talmhaidh, air umhlachd nan crèutairean, agus air beatha shiorruidh. Chaidh ar ceud sinnsearibh fhagail gu saorsa an toile fein, thuit iad o’n ceud staid, pheacaich iad an aghaidh Dhe: Agus cha’n ann dhoibh fèin a mhain a rinn iad cron; thainig peacadh agus truaighe ann an lorg so air an sliochd. Cha deachaidh sliochd mi-thaingeil an duine mar a thoill iad a dhru- [TD 24] ideadh as an t-saoghal; cha d’fhàgadh iad gun sòlas; cha d’fhagadh iad gun dochas air sonas bithbhuan. ’Nuair a thuit an duine, ann an àite duais a pheacaidh, fhuair è gealladh gràsmhor; gu bruthadh Siol na mnatha ceann na nathair nimhe. ’Se rùn Dè, gu’n tuigeadh agus gu’n creideadh sliochd an duine an gealladh so, agus gu bheil è anis air a choilionadh. Cha ’n ’eil tlachd aig Dia ann am bàs nam peacach, ’bann-sa leis gu mòr gum faiceadh, gu’n aidicheadh, gu’n trèigeadh iad am peacadh; agus gu’m bitheadh iad beo trìd creidimh ann an Criosd.—Tha tròcair Dhe co-fharsuing r’ a cheartas. Tha ghràdh oscionn tuigse, agus a naomhachd gun smal a’ co-fhreagradh, ann an cocheangal nan gràs, a rinn e r’ar slànuighear Iosa Criosd, chum sonas siorruidh a phobuil. Tha Dia anns gach nì a’ nochdadh a ghlòir agus a bhuaidhean fèin, agus a ghràdh do chloinn nan daoine. Mar tha ’n t-Abstol Eoin ag radh, “An so dh’fhoillsicheadh gràdh Dhè dhuinne, do bhrigh gu’n do chuir Dia aon-ghin Mhic do’n t-saoghal, chum gu ’m bitheamaid beo trìdsan. An so a ta gràdh, cha’n e gu ’n do ghràdhaich sinne Dia, ach [TD 25] gu’n do ghràdhaich esan sinne, agus gu’n do chuir è Mhac fein gu bhi ’na ìobairt-rèitich air son ar peacaidh.” Tha mac an duine air a ghineamhin ann am peacaidh; tha anamhiannaibh agus aigneidhibh ag eiridh suas na’s luaighe na reusan. Tha na h-aigneidh laidir borb, tha ar reusan ciùin agus sèimh. Tha na h-anamianna-feòlmhor gach là a’ dalladh suilean ar reusain a’ toirt dìmeas air a chomhairle, agus a’ faotainn lamh an uachdar air. Ged’ a tha air coguis a’ cuideachadh ris; tha air cridhe mealltach, talmhaidh; air n’ aigneidh neartmhor; agus air n’ anamhianna ceann-laidir a’ faotainn buaidh orra le chèile. Tha sinn fèin lag, dall, peacach; tha ’n Diabhol, an saoghal, agus an fheoil, ’g ar buaireadh air gach laimh, air gach am, agus anns gach àite. Ach a chum ’s gu nochdadh Dia do gach creùtair rèusonta, a ghloir, a bhuaghaibh, a ghradh do anama dhaoine, agus fhuath do pheacadh; chuir e Mhac fèin a dh’ionnsuidh an t-saoghail, a chum is gu’n saoradh e gach neach a chreideadh ann, o chumhachd agus o dhuais am peacaidh; a [TD 26] thabhairt eolais duinn air Dia agus air ar dleasnas, a theagasg fior-ghliocas duinn; a dh’earbhadh nach ’eil tlachd aig Dia ann am bàs pheacach, a dh’innseadh dhuinn, c’aite ’m faigheamaid fior-shonas; co iad ar naimhde, agus cionnas is urra sinn buaidh fhaotainn orra. Tha’n saoghal ’na charaid do’n fheoil, agus gu h-àraid ’na namhaid d’ar n’anama. Air an aobhar so, tha ’n t-Abstol Eoin an ainm Dhia a’ guidhe oirn gu’n mhòr-ghràdh a thabhairt do’n t-saoghal. “Na gràdhaichibh an saoghal no na nithe a ta san t-saoghal. Ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, cha ’n ’eil gràdh an Athar ann. Oir na h-uile a ta anns an t-saoghal; anamhiann na feòla, agus anamhiann nan sùl, agus uabhar na beatha, cha ’n ann o’n Athair a tha iad, ach o’n t-saoghal. Agus siubhlaidh an saoghal seachad, agus anamhiann: ach an ti a ni toil Dè, mairidh e choidhch.” Uaith so chi sibh nach ’eil nithe an t-saoghail so luachmhor no maireannach. Air an aobhar so, tha air Slànuighear a’ feòraich dhinn, Ciod e an tairbhe do dhuine, ge do chosnadh e an saoghal gu h-iomlan, agus anam a chall? Ann an labhairt o na briathraibh so dh’fheuch mi dhuibh a cheana; [TD 27] I. Air thùs, nach bitheadh tairbhe ann, ach call ro-mhòr, ged’ a b’urra duine gach sòlas, subhachas, beartas agus nì a ta san t-saoghal fhaotainn, na’n cailleadh e anam neo-bhàsmhor fèin ’sa mhalairt. II. Ann san dara àite, nochd mi dhuibh mòr-aimeadachd nan daoine sin, a tha tilgeadh air falbh, agus a call an anama, air son an ro-bheagan do nithe an t-saoghail a ’s urra tuiteam ’g an crannchursa. III. Tha mi cur romham air an am so, trid codhnadh Dhe, anns an treas àite, fhiosrachadh mòr-luach an anama. An deigh so bheir mi oidhirp sibhse agus mi fein a bhrosnachadh, gu bhi curamach, freasdalach agus dìchiollach, mu shonas siorruidh ar n’ anama. Tha cuid do nithe luachmhor ’nan nadur fein; tha nithe eile luachmhor do rèir mar a bheir iad sòlas no sonas dhuinn, agus do rèir mar a mhaireas iad. Cha ’n ’eil an t-anam a mhain luachmhor’ na nadur fèin; ach ’s e ’n [TD 28] t-anam mar an ceudna bun-stèidh gach sòlais agus sonais a tha sinn a’ mealtuinn, no is urra sinn fhaotainn. Ach a chum ’s gu’m faicibh sibh na’s soilleire mòr-luach ar n’-anama neo-bhasmhor. I. Fiosraichidh mi air thus, co a rinn an t-anam. II. Ann san dara àite c’ arson a chaidh an t-anam a dheanamh. III. Ann san treas àite, ’Nuair a bha an t-anam caillte le peacadh, ciod an luach leis an do cheannachadh è o bhàs siorruidh, duais a pheacaidh. IV. Ann san àit’ is deireannaiche ciod a rinn, agus a tha Dia a’deanamh air son anama dhaoine. I. Air thùs fiosraichmid co a rinn an t-anam. An dèigh do Dhia an talamh, agus gach nì, agus crèutair a ta ann a chruthachadh, dhealbh [TD 29] è an duine, ’na iomhaigh fèin, mar chlach-mhullaich àluin air càch uile. Shèid è anail na beatha ’na phollaraibh, agus dh’fhàs anam rèusanta ’na chom. Chruthaicheadh an corp a duslach na talmhain; ach thainig an t-anam uaithe fèin. Tha an t-anam glòirmhor neo-bhàsmhor: Tha è reusanta, tuigseach, comasach eòlas a ghabhail air Dia, air oibre, air a chumhachd, air a mhaitheas, agus air a bhuaghaibh. ’S ioma cèutfadh a ta fuaighte ris an anam; tha tuigse, meodhair, ciall, breathnachadh-coguis agus toil aige. Tha è comasach gliocas fhoghlam o Dhia agus o dhaoine. Tha è comasach gràdh agus meas a thabhairt do Dhia, do dhaoine, do shubhailce, do cheartas, do mhaitheas agus do dhiadhachd.’ Sè ’n t-anam a mhain a bheannaicheas agus a mholas ainm naomha Jehobhah mhòir: ’s esan a chuimhnicheas le teas-ghràdh air na tiodhlacan tròcaireach, a tha è gach la a’ builleachadh oirn. Tha oibre Dhe uile, a’ nochdadh a’ ghliocais, a chumhachd agus a’ mhaitheis; ach ’sè an t-anam an coron gràidh leis an do chrùn Dia a chruitheachd so. ’Sè an t-anam is urra fhiosrachadh agus a thuigsinn co a chruthaich e air thus. ’S esean a mhain a tha comasach air [TD 30] taingealachd, air fiùghantas, agus air cairdeas. ’S è so fior obair lamha Dhe; ’sè so a bheir buidheachas d’a ainm; ’s è so a mhain a sheinneas a chliù. Mar a ta na speuran ard oscionn na talmhainn, mar so tha anam an duine air àrdachadh gu mòr oscionn na colla, agus gach ni a th’ air thalamh. Tha gach ni agus crèutair talmhaidh; siùbhlach, neo-mhaireannach, bàsmhor; ach tha ’n t-anam seasmhach, maireannach, neo-bhàsmhor. Chaidh gach ni eile dheanamh as, agus airson na talaimh; buinidh an t-anam do neamh, agus ’s ann air son nithe neamhaidh a chaidh a dheanamh. ’S è Dia a mhain a b’urra ni co mòrchuiseach, deanadach, agus iongantach a chruthachadh. Cha robh na gibhte agus na buagha sin aig a h-aon eile r’a thabhairt do anama dhaoine; agus chruthaich Dia an t-anam, agus thug e na gibhtibh sin dà, chum mòr-shonas. Tha so g’ am thabhairt air m’aghaidh gu fhiosrachadh, II. San dara àite, C’arson a chaidh an t-anam a dheanamh. [TD 31] Thug Dia dà ni dhuinn, a dh’innseas c’arson a chaidh anam an duine a dheanamh, fhocal naomha, agus ar reusan fèin. Tha focal Dhe ag innseadh dhuinn, gu bheil Dia anns gach ni a’ nochdadh a ghlòir, a chumhachd, a ghliocas, agus a mhaitheas fèin, do gach creutair tuigseach, an neamh agus air thalamh. Chaidh an duine a chruthachadh an staid shona; agus tha focal Dè ag innseadh dhuinn mar an cèudna, gur ann a chum sonais a chruthaich Dia air thùs è. ’Sè ’n Diabhol agus an duine a chruthaich am peacadh; agus is e’m peacadh a dhealbh, agus a tha a’ beathachadh gach piann, gach truaighe, agus gach dòrainn a tha anns an t-saoghal. Tha cèutfaidhe glòirmhor, iongantach an duine gu beachddail a’ nochdadh dhuinn, gur ann a chum sonais a chaidh a dheanamh. Tha gach creutair air thalamh comasach air solas a mhealtuinn; ’se mac an duine a mhain, is urra bhi sior-shona. Dhruid am peacadh sonas as an t-saoghal so; ach tha Dia a’ gealltuinn do gach fior-chreidmheach ann an Criosd, sonas co-fharsuing r’a mhiannaibh, agus co-mhaireannach r’a anam neo-bhàsmhor, ann san t-saoghal a tha chum teachd, Tha ’m fior-chreid- [TD 32] mheach, aig am bheil ceud-thoradh an Spioraid, ann an càileigin a’ mealtuinn, fior-shonas anns an t-saoghal so. Tha suilean a chreidmhich air am fosgladh; tha a chridh ath-nuadhaichte, tha aigneidhibh air an smachdachadh, agus a mhiannaibh air an glanadh o shalachar a pheacaidh; Tha è gabhail tlachd ann an reachda Dhè, ann an co-chomunn r’a athair neamhaidh, agus tha a’ gheallanna gràsmhor a’ lionadh a chridhe le dòchas agus aoibhneas. Cha d’rinn Dia ni air bith an diomhain. Is ni mor-thogarrach anam an duine, agus cha’n ’eil miann no togradh ceart aig an an anam nach d’theid a shàsuchadh. Thug Dia cìocras do’n duine air sonas, a chum gu’n iarradh, agus gu’m faigheadh è sonas. Tha duil againn gu’m faigh sinn sonas anns an t-saoghal. Ach tha Dia gach là ag innseadh, a’ feuchainn, agus a’ dearbhadh dhuinn, gu bheil sonas an t-saoghail siùbhlach, carrach; gur ann na chairdeas fèin a mhain, agus anns an t-saoghal a ta chum teachd, a gheibh an creidmheach fior-shonas. Ach a chum ’s gum faiceadh sibh na’s soilleire luachmhoireachd ar n-anama, Fiosraichamid anns an, [TD 33] III. Treas aite, ’nuair a bha’n t-anam caillte le peacadh, ciod an luach leis an do cheannachadh è o bhàs siorruidh, duais a pheacaidh. Mar a tha ’n t-Abstol Pol ag ràdh, bha ’n saoghal uile ciontach am fianuis Dè; bha na h-Judhaich agus na Geintilich uile fuidh pheacadh; fuidh bhreitheanas chum diteidh, agus fuidh mhallachadh. Pheacaich gach uile, agus tha iad an deidh-laimh air glòir Dhè. Thainig bas air na h-uile dhaoine, do bhrigh gu ’n do pheacaich iad uile. Cha robh ni maith sam bith a’ gabhail comhnuidh ann am mac an duine. Bha tuigse chloinn nan daoine air a dorchachadh, air dhoibh a bhith na ’n coimhich do bheatha Dhe, a thaobh an aineolais a bha annta, tre chruas an cridhe. Pheacaich an duine le lan-thoil; bha aige na dh’ fheudadh a bhi aige fior-eolas air an fhirinn. Cha robh iobairt rèitich aige airson a pheacaidh; cha b’urra dochas air bith a bhi aige o Dhia ceart, naomha; cha robh ni air bith aige, ach dùil eagalach re breitheanas, agus feirg theinntich gu’ sgrios as. Bha cloidheamh ruisgte a cheartais an crochadh oscionn a [TD 34] chinn; bha fearg an Dè bheo air lasadh suas na aghaidh. An uair a bha ceartas Dhe a’ togail suas a laimhe chum am buille criochnaichte, toillteanach a thoirt duinn, shìn trocair a mach a’ lamh ghrasmhor ann an Iosa Criosd; ghabh esan am buille a thoill sinne, agus dh’ fhuiling è ’m bàs airson ar peacaidh-ne. An abair sibh a nis nach ’eil anam an duine luachmhor, ’n uair a cheannuich Criosd e le fhuil luachmhor, bheannuichte féin. Tha fulangas agus bàs ar Slànuighear gu soilleir ’a nochdadh, dhuinn, gràinealachd a’ pheacaidh, luachmhoireachd ar n-anama, gliocas agus tròcair Dhe, agus gràdh neo-chriochnaicht’ ar Slànuighear Iosa Criosd. Mur biodh an t-anam luachmhor an sùilean Dhe, an cuireadh è a Mhac féin a dh’ ionnsuidh an t-saoghail phianntaich so? An cuireadh e gu bàs è a shaoradh anam an duine o’n bhàs shiorruidh a thoill a pheacadh, am bheil ni sam bith ann an neamh, no air thalamh, as luachmhoire na fuil aon ghin mhic Dhè? An dòirteadh Dia an fhuil so air son ni suarrach, neo-mhairreannach, neo-luach- [TD 35] mhor? Tha saorsa ar n-anama gu beachdail a dearbhadh dhuinn, luachmhoireachd ar n-anama, agus an t-shonais shiorruidh sin a choisinn Criosd do gach neach a chreideas ann. Mar a tha ’n t-Abstol Eoin ag ràdh, oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, (’se sin re ràdh anama agus sonas dhaoine) gu ’n d’ thug è aon-ghin Mhic fèin, chum ’s ge b’e neach a chrèideas ann, nach sgriosar è, ach gu’m bi a’ bheatha shiorruidh aige. An gràdhaicheadh an Dia beo fior, glòirmhor, naomha agus uile-ghlic nithe faoin, suarach, gu ’n luach, gun bhuaidh, gun fhèum? Mur creid daoine gu’m bheil an t-anam agus sonas siorruidh luachmhor, ’n dèigh na rinn Dia airson ar n-anama; cha ’n ’eil ni an neamh no air thalamh a’s urra dhearbhadh ni ’s neartmhoire dhuinn. Ach a chum ’s gu’m faic sibh uile ann an aon bheachd, luachmhoireachd ar n-anama neo-bhàsmhor, fiosraichamid ann sa cheathramh àite, IV. Ciod a rinn agus a tha Dia a’ deanamh airson anama dhaoine. [TD 36] B’e anam an duine obair dheireannach Dhè ’sa chruitheachd. Mu ’n do chruthaich è an duine, chruthaich è sonas agus sòlas air a shon. ’S i chollun èideadh ar n-anama; ’S ann air son an fhir-àitich luachmhor, a chaidh an eideadh iongantach so air thùs a dheanamh. Tha chruitheachd, agus gach ni a ta innte air an sgeitheadh amach a chum sòlas a thoirt do ’n duine. Tha ’n talamh, agus gach creutair a tha g’a aiteachadh a’ sàsuchadh agus a freagairt do uireasbhuidh a chuirp. Tha gliocas, cumhachd agus maitheas Dhe ’sa chruitheachd a’ tabhairt subhachais d’a inntin. Bha gach ni air thùs a’ tabhairt sòlas, sonas agus aoibhneas do mhac an duine. ’Nuair a dh’ fhosgail am peacadh suilean Adhamh, chum a lomnochdaighe fhaicinn, chunnaic è ’s an am cheudna, fearg Dhè a’ lasadh ’suas ’na aghaidh; sonas agus solas talmhaidh a’ ruidh air fabh uaith féin agus a shliochd; agus a chruitheachd uile a call a sgiamh, agus a boidhchead. Ghin am peacadh dorchadas, agus ghin dorchadas eagal a’ bhàis, aineolas, seacharan, agus truaighe. [TD 37] ’Nuair a thuit Adhamh, cha do dhruid Dia as an t-saoghal è, mar a thoill a pheacadh. Ach a chum gu’m biodh a ghlòir agus a mhaitheas air an nochdadh do gach creutair; a chum gu’m biodh anama dhaoine air an sabhaladh, agus air an deasachadh airson sonas neamh; shaor Dia corp an duine, an talamh, agus gach ni a ta ann, carr tamuil o sgrios, agus o bhàs siorruidh. Fhuair an duine eolas air Dia, air a mhaitheas, agus air a throcair; fhuair è eolas mar an ceudna air a dhleasdanas do Dhia agus do dhaoine. ’Nuair a chaill sliochd Adhaimh an eolas, agus an gràdh air Dia; chaidh gach aon diubh a sgrios le tuil; ach Noah amhain, agus a theaghlach. B’e Noah searmonaiche na fireantachd; cha ’n èisdeadh an sean saoghal r’a ghuth, chaidh iadsan a bhàthadh airson am peacaidh; ach chaidh Noah a shàbhaladh a chum gu ’n sgaoileadh è eolas an Dè bheo, a’m measg a theaghlaich agus a shliochd. ’Nuair a chaill sliochd Noaih eolas air Dia, ghairm esan Abraham agus a shliochd, gu bhi na’m pobull àraid dìleas dha féin. S mòr a rinn Dia airson clann Israeil, thug e dhoibh a reachd sgriobhta, mar riaghail-stiùraidh am beusan agus an caithe-beatha; [TD 38] daoine naomha, glic a’ theagasg agus a’ mhineachadh an reachd so; teampull glòirmhor agus Sagairt a chum aoradh a dheanamh do Dhia, faidhean o àm gu àm g’ am brosnachadh a chum an dleasdanais; fhuair iad buaidh air an naimhde, agus nithe math na beatha so. Agus a chum ’s gu’m biodh iad dìleas agus seasmhach ’na sheirbhis, thug e dhoibh geallana prìseil, tarbhach. Fhuair righ na h-Eiphit comas clann Israeil a chur fuidh thrailleachd a chum gu ’m biodh crosdachd agus uabhar a phobuil sin air an smachdachadh; agus a chum gu’m biodh fior-eolas mu’n Dia bheo, air a chraobh-sgaoileadh a’m measg gach pobuil air thalamh. Air an àm so bha co-chomunn aig sluagh an t-saoghail uile ris an Eiphit; air an aobhar so, thug Dia comas do righ na h-Eiphit clann Israeil a ghleidheadh agus a chur fuidh thràilleachd. Ach shaor Dia mu dheireadh a shluagh, le cumhachd, agus le mòr-ghlòir. Gheall è mar an ceudna, gu ’n cuireadh è neach a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, a shaoradh iad o thràilleachd a pheacaidh, agus o’n naimhde spioradeil. Ann an coimhlionadh na h-aimsir chuir Dia a Mhac fein uaithe, a ghineadh o mhnaoi, [TD 39] a rinneadh fuidh ’n lagh; a chum gu saoradh e iadsan a bha fuidh ’n lagh ionnas gu faighcamaid-ne uchd-mhacachd na cloinne. Le comhnadh Spioraid Dè, ghabht ’an Slànuighear am broinn na h-oighe; mar dhilleachdan gun treòir, gur bheartas gun chairdean, rugadh è ann an stapul truagh, diblidh, doireasach, gun uidheam, gun mhuinntir. Ge d’ tha tuill aig na sionnaichibh, agus nid aig eunlaith nan speur, bha eisean a chruthaich gach ni, mar choimheach ’na chruitheachd fein, gun aite comhnuidh fuidh ’n ghrèin a dhealbh a lamh. Co luath ’sa dh’ fhosgail mac Dhe a shùil air thalamh, dhuisg, mhosgail, agus dh’ eirich a naimhde, gu fuileach, feargach, dioghaltach ’na aghaidh. Bha Herod air a thòir; b’ èigin d’a pharantaibh teicheadh leis, do ’n Eiphit. ’Nuair a thoisich e air searmonachadh, thug a theagasg oilbheum do na h-Judhaich. Bha na Sagairt, Phairisich, agus na Scriobhuich ga ruagadh, ga gheur-leanmhuinn air gach àm, agus anns gach àite. Dh’ fhuiling e buaireadh an Diabhoil, agus an-cainnt pheacach ’na aghaidh fein. Dh’ fhuiling e ocras patha, [TD 40] agus sgios ’na chorp; bròn, cradh agus doruinn pheacach ’na anam. Dh’ fhuiling è fearg athar naomha, ’nuair a bha i air lasadh suas an aghaidh pheacach. Chaidh gach pian agus cràdh a thoill sinne a leagail comhladh air. Chaidh peacadh gach neach a thug athair dha’, agus duais gach peacaidh a dhortadh ann an aon chupan, agus dh’òl è as è. Thainig è dh’ ionnsuidh a mhuintir fein, agus cha do ghabh a dhaoine fein ris. Bhrath Judas le pòig e; dh’ àicheadh Peadar e; threig iad uil’ è. Ghlac na h-Judhaìch è; cheangail, sgiurs, dhìt agus cheus iad Slànuighear an t-saoghail. A’ chlann nan daoine tuigibh o so, nadur a pheacaidh, tuigibh o so ceartas Dhè; tuigibh o so gràdh ar Slànuighear, tuigibh o so luachmhoireachd ar n-anama. ’Nuair a dh’ fhàg Criosd an talamh, ghuidh è air a chairdean gun bhi fuidh thrioblaid, na fuidh eagal; chaidh è ghabhail seilbh air sonas dhoibh; dh’ fhàg e sith aca; chuir an t-athair uaithe ’na ainmse an Comhfhurtair, an spiorad naomh, a theagasg dhoibh na h-uile nithe, agus a chur an cuimhne dhoibh gach ni a labhair Iosa riu. Sgaoil Criosd a Shoisgeul chuir e [TD 41] amach abstoil agus luchd teagaisg le cumhachd agus le miorbhuile a dhearbhadh firinn an t-soisgeil so. Tha Eaglas agus meadhonna na’n gràs air an suitheachadh air thalamh. Bhuadhaich an Soisgeul air gach namhaid a dh’ èirich ’na aghaidh: The è air a chraobh-sgaoileadh air feadh an domhain uile. Tha eolas an t-soisgeil air teachd gu sabhailt a chum an àil, a chum na duthcha, a chum an àite so. Tha Dia air an là ’n diu a’ dearbhadh do gach aon agaibh, gu bheil ar n-anama prìseil, ’nuair a tha e toirt dhuibh neart agus comas Soisgeul na fìrinn eisdeachd. ’Se Dia a rinn agus a tha a’ deanamh gach ni a dh’ ainmich mi; agus rinn an Dia uile-ghlic gach ni dhiu so air son anama dhaoine. Feoraicheam anis do gach creutair reusanta, tuigseach, do gach Criosdaidh, do gach neach a tha ga’m eisdeachd, nach ’eil anam neo-bhasmhor an duine na ni luachmhor. Anis a mhuintir ionmhuinn. IV. Ma tha sibh a’ creidsin gu bheil na nithe sin fior; Gur è sonas ar n-anama an t-aon ni feumail; Gu bheil gràdh aig Dia air [TD 42] anama dhaoine; Gu bheil Criosd toileach agus comasach fior-shonas a thoirt dhoibhsan a chreideas ’na ainm. Air ghaol Dia, air ghaol Chriosd, air ghaol ar n-anama neo-bhasmhor, bithibh curamach, freasdalach agus dichiollach mu shonas siorruidh ar n-anama. Dh’ fheuch mi dhuibh gu soilleir, gu ’n do dhruid am peacadh fior-shonas as an t-saoghal so, gu bheil gach sòlas a ta ann neo-mhaireannach; nach biodh tairbh ann ged’ a gheibheadh aon duine an saoghal uile, na ’n cailleadh è anam; Gur è ’n t-anam an duine, gur è maitheanas peacaidh trìd eadar-ghuidhe ar Slanuighear agus càirdeas Dè amhain sonas ar n-anama.—Thigibh a’ dh’ ionnsuidh caithir na’n gràs; Guidhibh air Dia a’ spiorad a dhortadh amach oirbh; ar Sùilean fhosgladh; ar cridhe ath-nuathachadh, ar creidimh a mheudachadh, ar gràdh a lasadh suas, agus ar neartachadh an aghaidh ar naimhde Spioradail. Bithibh frighealtach air meadhonna na ’n Gràs, air là na Sàbaid; rannsaichibh agus eisdibh focal De le curam agus le taingealachd. Bithibh dìleas, treibhdhireach anns gach dleasdanas; subhailceach, diaghaidh ’nar caithe-beatha; eallamh chum math a dheanamh, agus càirdeil do gach [TD 43] neach, gu h-àraid do chairdean Dhe. Siubhlaibh do rèir creidimh, agus ni h-ann do rèir seallaidh. Na biodh ro-churam oirbh mu nithe talmhaidh: ach anns gach ni le h-urnuigh agus athchuinge maille re breith-buidheachais biodh ar n-iartais air an deanamh aithnichte do Dhia. Bithibh làidir ’san Tighearna, agus ann an neart a chumhachdsan. Cuiribh umaibh uil’ armachd Dhe, chum ’s gu ’m bi sibh comasach air seasamh an aghaidh cuilbheartan an Diabhoil. A’ bheil sibh eagalach nach eisd Criosd ruibh; nach d’ thainig è a dh’ iarruidh agus a shabhaladh creatoirean co pheacach agus co chiontach ruibhse. Ged’ a tha ar peacaidh dearg mar scàrlaid, do-àireamh mar rionnagan nan spèur, ma tha sibh toileach an trèigsin; ma tha sibh a’ creidsin ann an cumhachd agus ann an toil an t-Slanuighear; gheibh sibh maitheanas, gheibh sibh sonas, fior-shonas, sonas siorruidh d’ar n-anama neo-bhàsmhor. Eisdibh le iongantas teas-ghràdh re gairm ghràsmhoir ar Slànuighear. Thigibh a m’ ionnsuidhse, sibhse uile a ta re saothair, agus fuidh throm uallach a pheacaidh, agus bheir [TD 44] mise fois agus suaimhneas dhuibh. Thigibh a m’ ionnsuidhse, oir gach neach a thig a m’ ionnsuidh, cha tilg mi air chor sam bith amach e. Ho! gach neach air am bheil tart, thigibhse chum nan uisgeachan! agus an ti aig nach ’eil airgiod, thigeadh è agus ceannuchadh è, gun airgiod agus gun luach. C’ arson a ta sibh a’ caitheamh bhur n-airgid airson an ni sin nach aran? Agus bhur saothair air son an ni sin nach sàsuich sibh? Eisdibh gu durachdach riumsa, agus ithibh an ni sin a ta maith, agus sasuicheadh bhur n-anam è-fein ann an maitheas. Aomaibh bhur cluas, agus thigibh a m’ ionnsuidhse; eisdibh, agus bithidh bhur n-anam beo, agus ni mise co-cheangal siorruidh ruibh, eadhon trocair chinnteach Dhaibhidh. ’S iad so cuirreanna gràsmhor ar Slanuighear, ’s dall, ’s aimideach, ’s cruaidh-chridheach a mhuintir sin, a tha diultadh eisdeachd riu. A mhuintir ionmhuinn, a chum ’s gu ’m faic sibh air mhogh riochdail, eifeachdach leas bhur n-anama, agus gur e sonas siorruidh an t-aon ni feumail; guidhibh air Dia, an gliocas a ta o neamh, a thoirt dhuibh, a ta air tùs [TD 45] glan, an deigh sin sìothchail, ciuin agus so-chomhairlich làn do throcair agus do dheadh thoraibh, gun leth-bhreth agus gun cheilg. Agus a thuilleadh air so, cuiribh r’ar creidimh cruadal, agus re cruadal eòlas; agus re eòlas stuaim; agus re stuaim foighidin; agus re foighidin, diadhachd; agus re diadhachd, gràdh brathaireil; agus re gràdh brathaireil, seirc. Ge b’e nithe ta fior, ge b’e nithe ta urramach, ge b’e nithe ta ceart, ge b’e nithe ta fior-ghlan, ge b’e nithe ta ion-ghràidh, ge b’e nithe ta ion-mholta, ma-tha deadh-bheus air bith ann, ma ta moladh air bith ann, smuaintichibh air na nithibh sin; oir ma bhitheas na nithe so annaibh, agus pailte, bheir iad oirbh gun bhi leasg, no mi-thorrach ann an eolas bhur Tighearna Iosa Criosd. [TD 46] SEARMOIN III. ROM. III. 23. Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd a dheidh-laimh air gloir Dhe. ’Siad so briathran an Abstoil Phoil, agus scriobh sè iad, le deachda Spioraid an Dè bheo. ’S brònach an ni a tha e ann an so a’ cur an ceill, ach mo thruaighe tha è soilleir agus do-àicheadh. Co luadh ’sa thuit Adhamh, nochd am peacadh e-fein air thalamh, agus o’n am sin gu ruig an là ’n diugh, tha ’n saoghal gu lèir làn dheth. Tha aghaidh na talmhainn, tha gach saothair a tha sinn a’ gabhail, a chum nithe feumail na beatha so fhaotain, tha gach tinneas, trioblaid agus cruaidh-chàs d’am bheil sinn buailteach, tha eachdraidh an t-saoghail, tha breitheanais De gu riochdail a’ dearbhadh, gu’n do pheacaich gach uile. Ach ge do tha [TD 47] gach dearbhadh againn gu’r i so ar staid, gidheadh tha moran ann nach ’eil a’ mothachadh an cionta, nach aidich am peacaidhean, agus leis nach miann an trèigsin. G’ar toirt air ar n’ ais a dh’ionnsuidh Dhe, agus g’ar deanamh deigheil air slàinte Chriosd, tha è gu h-àraidh feumail gu’m bi fior-eolas againn air ar staid. Gu’s am bheil sinn deirbhte, gu’n do chaill sinn le peacadh Adhamh iomhaigh Dhe, gu’n d’fhàs ar cuirp agus ar n-anama truaillidh; agus gu bheil an staid so gu h-araidh cunnartach, cha ghuidh sinn tròcair, cha’n iarr sinn gràs. Tha focal De a’ toirt beachd soilleir d’ar staid, agus g’ar deanamh deigheil air slainte Chriosd: ’se mo rùn air an àm, le comhnadh Dhe, a nochdadh, ciod a tha na Scriobtuir gu h-araid a’ teagasg mu dheimhin staid an duine thaobh nàduir. Agus tha sinn a’ foghlum air. I. Gu’n do chaill e a chumhachd, breith a thoirt air nithe spioradail ’na thuigse. Tha ’n t-Abstol Pol gu riochdail a’ teagasg so. Ann an scriobhadh a chum an dream sin do bhaile Ephesus, a chaidh iompochadh, tha e gu h-àraid ag radh, na imichibh a so suas, [TD 48] mar a tha na Cinnich eile ag imeachd, ann an diomhanas an inntinn fèin. Aig am bheil an tuigse air a dorchachadh, air dhoibh bhi ’nan coimhich do bheatha Dhè, thaobh an aineolais a ta annta tre chruas an cridhe. Agus ann an deigh so, tha e a’ cur an cuimhne dhaoibh, gu’n robh iad uair-eigin ’nan dorchadas. ’Na Litir chum Thituis, tha e mar an ceudna ag radh, gu bheil araon inntinn agus coguisean an dream nach ’eil a’ creidsin truaillidh. Mu theid a radh, gur è is brigh amhain do na briathra so, gun robh an dream mu bheil an t-Abstol a’ labhairt gun solus focal De, tha eadhon so a’ daighneachadh ar teagasg; oir tha so ag aidmheil, gu bheil an duine gun fhocal De ann an dorchadas, agus ann lorg so nach urrain e le reusan féin nithe Spioradail a thuigsin. Agus tha e soilleir gur i so air staid, o na chàidh a radh ris na h-Iudhaich, ged’ a’ bha suilean aca, cha ’n fhac iad; ged’ a bha aca araon an reusan agus focal Dè, cha ’n fhac iad. C’arson a thachair so? An ann do bhrigh nach bu mhiann leo? cha ’n ann amhain ach cha b’urrain iad gun soillseachd Spioraid De. Leughaibh an seathamh caibeideil do fhaigheadaireachd Isaiah, agus chi [TD 49] sibh gun do chuir iad an aghaidh solus an spioraid a bha soillseachadh mu’n cuairt doibh, agus uime sin chaidh a thoirt uatha. Ann an lorg so le ’n Piobail am measg an làmh, agus le làn chleachda an reusain, dh’ fhan iad ann an dorchadas; chuala, ach cha do thuig, chunnaic, ach cha d’ aithnich iad. Ach tha ar Slànuighear fein a’ deanamh an ni so co shoilleir re solus an latha, ’nuair a tha è a’ teagasg, gur ann trìd oibreachadh an spioraid amhain air ar n’ inntin, a tha sinn a’ faotainn fior-eolas air nithe spioradail. Na nithe so ars’ esan, labhair mi ribh, air dhomh bhi ’m chomhnuidh maille ribh; ach an Comhfhurtair, an Spiorad naomh, a chuireas an t-Athair uaithe a’m’ ainmse, teagaisgidh esan dhuibh na h-uile nithe, agus cuiridh e’n cuimhne dhuibh na h-uile nithe a labhair mise ribh. Agus a ris tha è ag radh, ’nuair a thig Spiorad na fìrinn, treòraichidh e sibh chum gach uile fhìrinn oir gheibh e do m’ chuidse, agus nochdaidh e dhuibhse è. Tha ’n leithid so do bhriathra gu riochdail a’ dearbhadh doille inntin dhaoine. Tha eadhon aineolas agus mearrachd na’n Abstol mu theagasg Chriosd, gu soilleir a’ nochdadh, nach urrain daoine [TD 50] gun oibreachadh an spioraid, nithe spioradail a thuigsin. Ciod is brigh do gach athchuinge a tha sinn a’ cur suas re Dia ann an ùrnaigh, mur bheil ar tuigse thaobh naduir dorcha. An gairmeadh Daibhidh co tric agus co durachdach air Dia a theagasg, mur mothaicheadh e dorchadas a’ comhduchadh anama, ’nuair nach robh spiorad De a soillseachadh air. O na nithe so uile tha e soilleir, gu bheil ar tuigse thaobh naduir dorcha, agus nach urrain sinn le’r reusan fèin, eolas fhaotain air nithe spioradail. Ach tha focal De a’ teagasg ’san, II. Gu bheil an duine ciontach, truaillidh. Tha foillseachadh an lagha a’ nochdadh so. Na ’m bitheadh an duine foirfe, bhitheadh an lagh uile an taobh a stigh dheth, agus bhitheadh foillseachadh an taobh amuigh gu tur neo-fheumail. C’ arson a rachadh lagh modhanna fhoillseachadh do na h-Aingil naomha, a tha cheana gu h-iomlan air an cumadh araon re nadur agus toil De. ’Na staid neochiontach, cha robh feum aig Adhamh gu’m bitheadh lagh air a thoirt dha ’n taobh amuigh; bha ’n lagh le gradh dha [TD 51] sgriobhte air a chridhe, agus cha b’urrain e dol air seacharan uaithe, gun dol an aghaidh a naduir fein. B’e leagadh an duine, b’i a chionta a rinn lagh taisbeanta feumail; a chum le’r nadur agus ar giulan a thoirt gu riaghailt iomlan, gu’m faiceamaid ar fior-staid, tobar gach truaighe a tha sinn a’ fulang air an am, agus gu’m bitheamaid eagalach mu thoradh ar seacharain an taobh thall do’n uaigh. Tha’n soisgeul a’ teagasg an ni ceudna, tha gach sgeul aoibhneach, tha gach gealladh ann a’ cur an ceill ar peacadh agus ar cionta; oir gun so cha bhitheadh feum againn air geallana an t-soisgeil. Tha’n ni so mar an ceudna gu riochdail air innseadh ann an iomadh earrann do fhocal Dè. Mar dhearbhadh neartmhor do-aicheadh air an fhirinn, eisdibh ris an ni a tha Pòl ag ràdh, ann am briathraibh Dhaibhidh. Cha’n’eil ionracan ann, cha ’n ’eil fiu a h-aon. Cha’n ’eil neach ann a thuigeas; cha’n ’eil neach ann a ta ag iarruidh Dhe. Chlaon iad uile as an t-slighe, tha iad uile mi-tharbhach, cha’n eil neach a ta deanamh maith, cha’n ’eil fiu a h-aon. Mar so tha e soilleir, gu bheil an saoghal uile [TD 52] ciontach am fianuis Dè. Ach tha na scriobtuir a’ teagasg ’san, III. Gu bheil an duine ea-comasach math a dheanamh. Tha iad a’ cur an ceill gu bheil ni àraidh annain da’n ainm an fheoil, anns nach ’eil ni math sam bith a’ gabhail comhnuidh. Tha so air ainmeach’ lagh a pheacaidh; tha cumhachd lagh air a thoirt dha, do bhrigh gu bheil e a’ stiuradh uile thograidh ar criodhachan; agus tha e air ainmeach’ lagh a pheacaidh, do bhrigh gu bheil e a’ stiuradh ar tograidh chum an ni sin a ta peacach. Tha e air innseadh gu bheil an lagh so ’g oibreachadh annain air mhodh co-threun, as gu bheil e toirt air uile bhreathnachadh smuaintidh ar criodhachan a bhi olc an comhnuidh. Tha e air innseadh mar an ceudna, gu bheil a chumhachd co mhòr, is nach urrain ni sam bith ach cumhachd Dhe a bhacadh; oir an uair a ta sin a’ cur na aghaidh, tha e air a chur an ceill dhuinn, gur e Dia a tha ’g oibreachadh annain araon an toil agus an gniomh d’a dheadh-ghean math féin. Tha cumhachd agus eifeachd a pheacaidh co-mhor, as gu bheil sinn a’ foghlum, an uair [TD 53] a tha ’n spiorad a’ miannachadh ’na aghaidh, eadhon air an am sin, nach urrain sinn na nithe bu mhiann leinn a dheanamh. ’Se so an sgeul a ta focal De a’ toirt air an aomadh sin a ta ann an nadur an duine chum an uilc. C’ aite ma seadh am bheil cumhachd an duine chum math a dheanamh? Mhothaich an t-Abstol Pol gu’n robh e-fein gu tur gun chumhachd. A ta mi ars’ esan a’ faicinn lagh a’ m’ bhallaibh a’ cogadh an aghaidh lagha m’ inntinn, agus ga m’ thabhairt am bruid do lagh a’ pheacaidh a ta ann am bhallaibh. Och is duine truagh mi! co a shaoras mi o chorp a’ bhais so. Mar so, thug mi dhuibh o fhocal De sgeul air staid an duine thaobh naduir, tha e dall, ciontach, anmhunn. Tha ’n staid so gun amharus brònach, agus tha gach neach a tha innte fuathach gràineil ann am beachd Dia na naomhachd. ’Se mo run anis ’san IV. Cunnart na staid a chur an ceill. Gus am mothaich daoine, araon an staid agus an cunnart a thaobh naduir, cha’n iarr iad saorsa, cha teich iad o’n fheirg a ta re [TD 54] teachd. Guidheam ma seadh, bhur n’aire ’nuair a bheir mi oidhirp bhur cunnart a chur an ceill. Ach co as urrain so a chur gu ceart an ceill, tha cunnart pheacairean do-thuigsin agus do labhairt. Tha ’n t-uile-chumhachdach air a dhaighneachadh féin ’nan aghaidh. Tha ghnuis na ’n aghaidh; oir mar so tha Daibhidh ag ràdh, gu bheil gnuis De an aghaidh nan daoi, gu’n cuimhne sgrios o’n talamh. Tha chridhe ’nan aghaidh, oir is fuath le Dia uile luchd-deanamh na h-eacorach; agus tha e gach la ’n corruich re peacairean. Tha a’ lamh nan aghaidh, mar so bhagair e gu’m bitheadh a lamh an aghaidh clann Israel, mar a bha i an aghaidh an aithreacha, mur d’ thugadh iad eisdeachd dha. Tha a’ bhuaghan gu leir ’nan aghaidh; mar so tha a cheartas mar chloidheamh lasrach air a rusgadh ’nan aghaidh. Tha ceartas De co teann, as gu’m feum e diòladh fhaotain gus an fheoirluing dheireannach: tha e glaodhaich feirg agus corruich, trioblaid agus amhghar air gach aon anam a ni olc. Tha naomhachd Dhe làn naimhdeis ’nan aghaidh; mar so tha e air innseadh, gur fuath leis luchd an uilc, agus [TD 55] gu bheil eadhon gràin aige dhoibh. Agus mar a thuirt muinntir Bhetsemeis, co a dh’ fheudas seasamh ann an lathair an Tighearna Dia naomha so. Tha cumhachd Dhia mar chanan millteach air a shocrachadh ’nan aghaidh. Tha gloir a chumhachd re bhi air a foillseachadh ann an sgrios na muintir sin, aig nach ’eil eolas air, agus nach ’eil a’ toirt geill do’n t-soisgeul. Agus co a’ dh’fheudas tairneanach a chumhachd san a thuigsin; no co riamh a chruadhaich e fein ’na aghaidh, agus a thug buaidh air. Tha gliocas De ann an tì am milleadh. Mur pill iad, chuir Dia faobhar air a chloidheamh, lub è a bhogha, dheasuich è a shaighde, ’s rinn e acfuinn, air fad ullamh. Tha firinn Dhe a toirt mionn ’nan aghaidh. Agus mur breugaichear esan, gheibh an dream sin gu cinnteach bàs, a chaitheas am beatha do rèir na feòla. Thuille air so, tha làn chumhachd aig an Abharsoir orra, tha e ’g oibreachadh annta, tha iad ’nan traillean dìblidh dha, tha e gan iomain o pheacadh gu peacadh. Tha ’n cionta fein na luidhe air am muin mar bheinn, ’s trom do-ghiulan gun amharus an eallach so, leag i gu làr eadhon Slanuighear [TD 56] an t-saoghail. Tha ’n lagh a’ dortadh gach aon d’a bhagraidhean agus d’a mhallachdan orra, agus O cia uamhasach tairneanach an lagha! Tha eadhon an soisgeul fein a’ toirt damnadh siorruidh mar bhinne ’mach ’nan aghaidh, agus ’gan ceangal gu daingean air an anama. An tì ars’ Pol, a rinn tair air lagh Maois, bhasaich è gun trocair, cia mòr is measa na sin am peanas air am measar esean toillteanach a shaltair fuidh chois mac Dhe. Fa dheoigh, tha fùirneis dioghailteis shiorruidh air a teasachadh fa chomhair pheacairean. Tha ifrinn agus leir-sgrios a’ fosgladh am beoil, agus a’ sgaoileadh an gial gu farsuing as a cheile chum an slugadh a suas. Agus am feud an cridhe fulang, no an làmhan a bhi laidir anns an là anns am buin an Tighearna riu. Agus co is urrain giulan le lasair shiorruidh, no comhnuidh a ghabhail ann an teine caiteach. ’S iad so na nithe d’ am bheil peacairean buailteach. ’sì so ’n staid chunnartach anns am bheil iad fhad ’sa tha iad ’nan naimhde do Dhia, agus ’nan coigrich do ghràs slainteil Chriosd. Air dhuinn mar so staid agus cunnart pheacairean a chur [TD 57] an ceill, deanamaid anis foghnadh aithghearr. Ann an gabhail beachd araon d’ ar staid, agus d’ ar cunnart, ’s eigin dhuibh aidmheil, gu bheil iad le cheile eagalach brònach. ’S bochd an ni do dhaoine, aig am bheil anama neo-bhasmhor, a bhi gu tur dall, ciontach agus anfhann. Agus fhad sa tha iad anns an staid so, tha iad a’ fàs ni’s doille, tha ’n cionta a’ meudachadh, tha iad a’ call ni’s mo d’ an treòir. Agus cia truagh an nì a bhi teicheadh gach là ni’s fhaide o Dhia, agus a bhi à’ dlùthachadh ni ’s tinne re Ifrinn, agus doruinn shiorruidh. Tha cunnart na staid so mòr do-labhairt. Cia uamhasach an ni a bhi cogadh an aghaidh Tighearna nan sluagh, a bhi gach là a’ dusgadh a chorruich le’r giulan. Cia dàna an nì a bhi sìneadh a mach ar lamha ’n aghaidh Dhia, a bhi gar neartachadh fèin an aghaidh an uile chumhachdaich; a bhi ruith ’na chòdhail, eadhon air a mhuineal, air bolga tiugh a sgèithe. An gliocas a bhi re sùgradh ris an dara bàs, na dol le dànadas do ’n locha sin [TD 58] a ta losgadh le teine agus pronnasc. Cha’n urrain sinn cainnt na coimeas fhaotain, a chur an ceill cuthach oillteil an dream sin, a tha dol air an aghaidh gach là le dànadas ’nam peacaidhean. Gabhaibh beachd ann an trà d’ ar staid, agus d’ ar cunnart, agus guidhibh air Dia bhur dusgadh o chadal a pheacaidh, chum as nach coidil sibh cadal a bhàis. [TD 59] SEARMOIN IV. ROM. III. 23. Oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd gearr air glòir Dhè. B’ ALUINN nadur, b’ard inbhe, agus bu mhòr sonas an duine, ’nuair a chaidh a dhealbh an tùs. Ach mo thruaighe! ’s luadh a rinn e ceannairc an aghaidh uachdarain, ’s luadh a thainig mughadh brònach air a staid, ’s luadh a dh’ fhas iad mar na brùidean a tha basachadh. B’e ’m peacadh mathair-aobhair an truaighe, agus ’se ’m peacadh briseadh lagha Dhe. Air am eile nochd sinn gun do chaill daoine trid a’ pheacaidh fior-eolas air nithe spioradeil, an neo-chiontas agus am fireantachd, [TD 60] maille re cumhachd math a dheanamh. Nochd sinn aris, gu bheil an staid so cunnartach, bochd agus brònach. ’Se mo run anis a dhearbhadh ’san III. Gu bheil gach peacair air teachd gearr air glòir Dhe. ’Si glòir Dhe ard-onoir, agus ard-mhaise a naduir, a bhuadhannaibh, agus a thoil. Tha ghloir so air a taisbeanadh dhuinn ’na oibre, ’na fhreasdal, ’na fhocal, agus gu h-àirid ann an co-oibreachadh a naomhachd, a mhaitheas agus a thròcair. Tha lagh, ceartas agus glòir Dhe ag iarruidh gràdh foirfidh, agus umhlachd iomlan, o gach aon do shiol Adhamh. Agus mar a tha ’n cinne-daona gu lèir le ’m peacaidh gin agus gniomh, an caileigin a’ diultadh glòir mar is cubhaidh, a thoirt do Dhia; tha cuid gu h-àirid a’ deanamh so. Tha fa leith, ana-creidich. cealgairean, an dream a tha fein-earbsach, cairdean an t-saoghail, seirbhisich na feola, agus tràillean an Abheirseir a’ briseadh gach la lagh Dhe, agns a’ diùltadh glòir dha. An [TD 61] I. Tha ana-creidich ann an deigh-laimh air glòir Dhe. Tha ’n t-Abstol Pol ag ràdh, gun d’ thug Abraham glòir do Dhia, le bhi laidir ann an creidimh; agus uaithe so tha e soilleir, gu bheil ana creidich a toirt tàmailt agus easonoir dha. Gach ni a tha e ’na fhocal a’ taisbeanadh no ’g ràdh, tha e gu cinnteach fior; agus do na nithe so tha fior-chreidimh gu soilleir dligheach. An dream nach creid fhocal, tha iad gu dàna a’ deanamh breugaire do Dhia; ’s tàmailt mhòr so am measg dhaoine, cia uamhunn cunnartach an ni, an tàmailt so a thoirt do Dhia. “Ma tha sinn a’ “creidsin fianuis dhaoine, ars’ Eoin, ’s mugha fianuis De;” uime sin tha ’n tuillidh creideas agus earbsa dligheach d’ a fhocal. ’Se Dia tobar na firinn, ’se Criosd an fhirinn fein, ’se ’n Spiorad, spiorad na firinn, a theagaisg agus a sdiùr na fàidhean agus na h-Abstoil. Co chreideas sinn, mur creid sinn Dia, agus na nithe a tha e cur an ceill, air mhodh co shoilleir, agus le coilion teach- [TD 62] daire dhuinn? Cia dana aingidh, ana-creidich! Co ’measg dhaoine, tha firinneach, còir, nach biodh fuidh chorruich, nan diultadh neach àraid fhianuis a chreidsin? Cia mòr ma feadh a tha ’n dream sin, a’ teachd an deigh làimh air a ghlòir, a tha diultadh àrd-onoir fhirinn a thoirt do Dhia. ’San II. Tha cealgairean a’ thoirt eas-onoir do Dhia. Tha Criosd fein ag ràdh, gu bheil cealgairean, cosmhuil re aite-adhlaice nam marbh o shean, sgiamhach an taobh amuigh, ach gràineil an taobh a stigh. Air sgath deagh ainm, no beartas, no chum an coguisean a ghleidheadh ’nan tosd, tha ’n dream so gu dìblidh, gealtach, fallsail, a’ gabhail orra cleoca na diadhachd, ged’ tha ’n cridheachan truaillidh, agus an giùlan aingidh. ’S brathair an cealgair do ’n bhreugaire agus do ’n chlaodhaire; am measg dhaoine tha e gun mheas, gun chreideas; am beachd Dhe na naomhachd, tha e gu h-araidh gràineil. [TD 63] ’Nuair a bha Criosd a bhos air talamh, ’s minic a labhair e gu sgaiteach geur, an aghaidh chealgairean, ’s tric a thuirt e riu, ’s an-aoibhinn dhuibh. ’S ann amhain airson buidhinn agus cliu, a tha ’n dream so ag aidmheil creidimh Chriosd; le ’n giùlan cealgach, tha fior-dhiadhachd a’ fàs mi-chliutach, agus tha peacairean ann an lorg so a’ fàs lionmhor, dana. An aite eiridh suas mar iolairean a chum neamh, gu onoir a thoirt do Dhia, tha cealgairean a burachadh mar mhucan gionach, a chum lòin agus aite-comhnuidh foluichte fhaotain. Cia mòr cionta, cia truaillidh nadur an dream so, agus cia fada a tha iad a teachd, gearr air glòir Dhe. III. Tha daoine fein-earbsach a’ toirt eas-onoir do Dhia. Mar a thuit an duine le uabhar, tha mòran d’ a shliochd do ghnàth, a’ cur earbsa ’nan gliocas, cumhachd agus maitheas fein, ge do tha iad amaideach, anfhann, aingidh. Tha Pol a’ labhairt mu dhream, a bha, do rèir [TD 64] coslais, eudmhor, diadhaidh; ach ars’ esan, air dhoibh a bhi aineolach air fireantachd Dhe, agus a’ toirt oidhirp am fireantachd fein a shocrachadh, cha do gheill iad do fhireantachd Dhe. Tha fein-earbsa gu h-àraid amaideach, tha so a’ fosgladh a chridhe gach la do bhuaireadh, agus a’ leagadh an duine gu minic ann an eabar a’ pheacaidh. Le fein-earbsa, chaill Nebuchadnesar a ghliocas a chumhachd, a bheartas; agus b’ èigin da re uine, mar bhrùid feur itheadh ’san fhasaich. Le fein-earbsa, bha na Phairisich o shean air an dalladh, agus air an cruadhachadh co-mhòr, is gun do dhiult iad gabhail re Criosd. Le fein-earbsa, tha daoine mòr ’nam beachd fein, tha iad eadhon air an arduchadh gu mullach beinn lom, chas an t-saoghail so, ’gan ullachadh gu leagadh brònach fhaghail ann an slochd domhain, dorcha Ifrinn. Bu mhor earbsa Pheadair ’na neart spioradeil fein, agus ’na chairdeas do Chriosd, gidheadh an àm buairidh, dh’ aicheadh se e gu narach, agus eadhon le mionnaibh. ’Si fein-earbsa duais an Abheirseir [TD 65] d’ a chairdean, agus le so tha iad air am buaireadh, chum an onoir agus a ghlòir sin a ghabhail dhoibh fein, a bhuineas do Chriosd amhain. ’Sa IV. Tha càirdean an t-saoghail so a’ toirt eas-onoir do Dhia. Tha nithe an t-saoghail so taitneach do’n fheoil, agus uime sin tha mòran a’ toirt gràdh dhoibh. ’Nan àite fein ’s fhiach iad ar n’aire agus ar speis, ach mo thruaighe! tha cuid a’ toirt do ’n t-saoghal an gràdh, am meas an onoir, a bhuineas do Dhia mhàin. Mar a tha ’n inntin fheolmhor na naimhdeas an aghaidh Dhe, tha càirdean an t-saoghail nan naimhde dha. ’Se ’n saoghal so, màr inneal buaireadh an Abhairseir, a tha gach là a goideadh criodhachan, agus a lotadh anama dhaoine. Ciod ach an t-saoghal agus gràdh dha a bhuair Achan chum an t-airgiod a ghoid, Judas chum Criosd a bhrath, agus Demas chum Pol a threigsin? Ciod ach gràdh do ’n t-saoghal, a tha gach là a’ buaireadh dhaoine, chum sannt mi-rùn tua- [TD 66] agus co’-stridh? Ciod ach cùram an t-saoghail, agus ciocras na dhèigh, a tha gach là a’ bacadh dhaoine o shlàinte Chriosd, agus sonas neamh iarruidh? Agus mar a tha ar Slànuighir a’ feoraich, creud an tairbh ata ann do dhuine, ged’ a chosnadh e ’n saoghal uile, agus anam fein a chall? Gach ni a tha ann an cailigin san t-saoghal, tha aig Dia gu h-iomlan, agus ’s aimeadach, nàsach an ni an onoir sin a thoirt do ’n t-saoghal, a bhuineas do Chruighfhear an t-saoghail amhàin. Tha sa V. Seirbhisich na feòla a toirt eas-onoir do Dhia. Si ’n fheoil bodhan-crèadha an anama no an earran thruaillidh agus bhrùideil d’ar natur. O na thuit Adhamh an tus, tha an fheoil mar a tha ’n t-Abstol ag ràdh, do ghnà a miannachadh an aghaidh an spioraid, agus an spiorad an aghaidh na feòla. ’Si ’n fheoil an tràill, ’se ’n t-anam am maighistir; agus ta an duine do ghnà ciontach, aingidh, ’nuair a tha an fheoil a riaghladh an anama.Tha ’n [TD 67] inntin fheolmhor, fuidh chleoc cairdeas a treorachadh gu bàs, mar a tha Pol ag ràdh, ach an inntin spioradail, gu beatha agus sìth. Tha tràillean na feòla nan naimhde do Dhia, tha iad fuidh chorruich, agus fuidh dhìteadh a lagha agus buailteach, do sgrios siorruidh. Se ’m bàs duais a pheacaidh; siad cràdh gu minic anise, agus truaighe shiorruidh fa dheoigh duais àraidh seirbhisich na feola. Tha geocairean agus misgeirean luchd-striopachais agus adhaltranais daoine sanntach agus mi-rùnach, gu h-àraidh nan tràillean do n fheoil. Nise o na tha ’n fheoil truaillidh, dìblidh agus bàsmhor, cia mòr cionta an dream, a tha toirt do’n fheoil, an gràdh, an t-seirbhis, an onoir, a bhuineas do Dhia d’an anamaibh agus do shonas neamh amhàin. Tha giulan an dream so amaideach, dàna ceannairceach, agus gun fhior-aithreachas, bithidh an staid truagh gu siorruidh. ’Sa VI. Tha tràillean an Abheirseir a’ toirt eas-onoir do Dhia. Se Dia ’mhàin ar n’ uachdaran dligheach [TD 68] agus ’s ann chum glòir a thoirt dhasan, a chaidh ar dealbh. Ach ged a bhuineas sinn fein, agus gach ni a th’againn do Dhia; gidheadh tha ar n’àrd-namhaid gu breugach, fallsail do ghnà aig iarruidh ar seirbhis, agus tha mòran gach là a’ toirt gràdh agus umhlachd dha. Ged is e Satan athair nam breug, tha ’n dream so ga chreidsin; ged a tha e’ gan sdiuradh chum truaighe, tha iadsan ga leantuin gu toilleach. Tha Chriosd ag ràdh nach urrain sinn seirbhis a thoirt do dha mhaighistir, do Dhia agus do Mhammon; uime sin an dream nach ’eil a toirt onoir do Dhia, tha iad nan tràillean dìblidh do’n Abheirseir. Se ’n nàmhaid so le bhuaireadh, a leag Adhamh gu làr, a thug peacadh truaighe agus bàs a steach do’n t-saoghal, a bhrosnaich daoine ’s gach àll chum cogadh an aghaidh Dhe, agus na h-Judhaich gu h-àraidh, chum Slànuighear na sìth a sparradh re crann. Cia dàna, uamhan an ni do chreutairean reusanta, iad fein a thoirt thairis eidir chuirp agus anama do’n Abheirseir, a bheir dhoibh mar dhuais truaighe shiorruidh. Gach neach a tha caitheadh am [TD 69] beatha ’sa pheacadh, agus gu h-àraidh ’sna peacaidhean a dh’ainmich sinn, tha iad an deigh làimh air glòir Dhe, agus uime sin cha n’ urrain iad a chairdeas a mhealtuin fa dheoigh. Foghnà. Nuair a chruthaich Dia an saoghal so, thug e riaghailt agus obair àraidh do gach creutair agus ni a dhealbh a làmh. Bha iad an tùs uile math, bha iad freagarach agus umhal, agus mar so bha iad, gu cubhaidh, a toirt glòir da ainm. Tha gach creutair reusanta agus neo-reusanta, ach deamhuin agus daoine mhàin, do ghnà umhal do thoil De, agus a reir an comais, a toirt glòir dha. Si àrd-obair an duine, Dia a ghlòruchadh air talamh, agus ’sann o so mhàin a tha fhior-shonas a’ sruthadh. Tha peacairean gach là a toirt tamailt do Dhia, ged a tha oibre, a fhreasdal, agus fhocal a gairm orra gu dian onoir a thoirt dha. Trìd a pheacaidh mo thruaighe! tha sinn dall, ciontach truaillidh air ar sgaradh o [TD 70] chairdeas ar n’athar neamhaidh, ea-comasach a thoil a dheanamh, agus onoir a thoirt dha. Ach ’nuair a bha sinne cailte, thainig Criosd gar tearnadh, thainig è gar teagasg, gar fireanachadh, gar naomhachadh gar dionadh o ar naimhde agus gar neartachadh chum seirbhis agus glòir a thoirt dha. Tha aig Criosd pailteas do ghràs, airson gach seorsa do pheacairean, agus ’s mòr feum an dream sin air a dh’ainmich sinn dhuibh. Guidheam orra air ball seirbhis Shatain a threigsin, agus gràs Chriosd iarruidh le dùrachd, agus a ghabhail gu h-iriosal taingeil. An diult sibh a chòir dar fior-charaid; an d’ thoir sibh dar n’àrd nàmhaid, an ni nach buin da. Air ghaol Dia, agus ar n’ anama smuantaichibh an trà air ar staid agus cunnart. Iarruibh an Tighearna, fhad sa tha e re fhaotain, gairmibh air fhad sa tha e ’m fogusg dhuibh. Ge be ciod air bith ar peacaidhean, no ar giulan, air an àm a chaidh seachad, tha Criosd fhathasd a giulan leibh, tha e eadhon nise gràdh, “feuch ’nise an tàm taitneach, feuch an diu là na slainte.” Ga ’m beannaiche &c. [TD 71] SEARMOIN V. LUCAS XVIII. 13. A Dhia, dean tròcair ormsa ’ta ’m pheacach. THA sinne a cruinneachadh an ceann a cheile air an là an diu, chum sinn fein isleachadh an làthair Dhe, chum maitheanas ar peacaidhean iarruidh, agus chum seirbhis a dheanamh dha. O na se Dia ar n’ uachdaran dligheach o na tha e uile-ghlan na natur, o na tha sinne ciontach, neo-ghlan, agus fui’ iomadh commain d’a, tha e reusanta, tha e cubhaidh, tha e ceangailte oirn na nithe so a dheanamh gu cùramach. Aidichidh gach neach gu h-ullamh, gu bheil iad peacach, gu bheil feum aca air tròcair, ach tha doigh àraidh air an còir dhuinn so a dheanamh, ma tha mhiann [TD 72] oirn maitheanas fhaoitain. Gar sdiùradh ann san t-slighe dhìreach cheart, rinn mi roghainn do na briathra so, oir tha iad gu riochdail a cur an ceill, staid an duine sin a tha air ìsleachadh an làthair Dhe. Chum aimeadeachd, agus cionta uabhair a nochdadh, chum mòr-fheum, agus mòr-thairbh irioslachd inntin a dhearbha, tha Criosd a’ làbhairt cosamhlachd mu dheimhin giùlan dias daoine, Phaireasach agus Publicanach ann an teampull Dhe. Chum seadh ar teagaisg a thuigsin, leughaidh mi an cosamhlachd so dhuibh 9—15. ’Nise o na tha Criosd ’nso gu riochdail a teagasg, gu bheil Dia a cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a toirt gràis dhoibh sin ata iriosal, mu tha mhiann oirne gràs De fhaotain, ’s còir dhuinn eiseamplair a Phublicanaich a leantuin. Gar bròsnachadh chum so a dheanamh thugamaid fainear air I. Giùlan a Phublicanaich an taobh a muigh bith ach seirbhis spioradail e, tha an dream sin a deanamh fanoid air, agus gràineil na bheachd, a tha tarruing dlù air gu cealgach le ’m bilibh, nuair a tha an [TD 73] cridheachan fada uaithe. Tha ’n ni so soilleir o natur Dhe, o ar co-cheangail ris, agus o fhocal naomha fein. Ach se ’n ni a’s còir dhuinn fhiosrachadh, cionnas as urrain daoine a nochdadh an taobh amuigh, gu bheil iad a’ toirt aoradh, agus a’ deanamh seirbhis do Dhia, gu h-iriosal, gu mothachail, gu cubhaidh, agus gu taitneach. ’Nise tha d a dhoigh ann, air am feud iad fonn an cridhe, agus rùn an inntin a nochdadh, agus siad sin le’n giùlan agus le’m briathraibh; agus mu bheachdaicheas sinn air giùlan a phublicanaich, chi sinn gu’n raibh e gun amharus iriosal. Chaidh am Phaireasach suas co àrda sa b’urrain e, sheas e gu dàna teann air altair Dhe, agus rinn e gu h-uaibhreach tàir air an luchd-aoraidh eile. Cha ’n ann mar so a ghiùlain am Publicanach e fein, an làthair an ti sin, ata uile-chumhachdach, uile-naomha, agus uile-cheart, ach thug e gach dearbhadh a b’urrain e le ghiùlan air irioslachd-inntin, agus air aithreachas. Mhothaich eisean a chionta fein, agus a mhi-thoilteanas chum tarruing dlù air Dia, sheas e fada air ais, an t’ eagal gun duisgeadh e cor- [TD 74] ruich Dhe le dhànadas, agus chum ’s nach d’ thugadh e oilbheum do’n Phaireasach, a bha nise le di-meas a’ toirt fainear a ghiùlan. Bha eisean air ìsleachadh co mòr, o bheachd ceart d’a chionta, agus d’a chunnart, a ’s nach b’aill leis fiù a shùl a thogail suas gu neamh, ach thog e suas a chridhe ann an togradh naomha gu h-iriosal gu caithir na tròcair. Ann an deigh so bhuail se uchd, bha e ’n corruich ris fein airson aimeadachd, nochd e gu’m b’e rùn a chridhe, tobar neo-ghlan a pheacaidhean, a bhualadh air an doigh cheudna. Bha choguis a nise ga chlaoidh, bha e, mar gu’m beadh a’ deanamh peanas air fein airson a cheannairc ann an aghaidh athar neamhaidh; agus le uchd a bhualadh, chuir se ’n ceill, gu’n raibh e’ na bheachd fein a’ toilltin, agus an cunnart a pheanas sin a bha lagh Dhe a’ bagairt an aghaidh eas-umhlachd. Mar so nochd am Publicanach le ghiùlan ann an teampul De, gu’n raibh e gu’n amharus iriosal, aithreachail. Thugamaid fainear ’san II. Cionnas a nochd e aithreacheas, agus irioslachd-inntin le bhriathraibh. [TD 75] Ann an àit’ e fein fhireanachadh, agus a ghiùlan a dhionadh, cosmhuil ris an Phaireasach, chuir e suas ath-chuinge dhùrachdach re Dia, bha ùrnuigh gun amharus gaoirid, ach bha e brioghor, thainig i o’n chridhe. Chum a nochdadh gun do ghiùlain se e fein, mar a’s còir do chreatuir ciontach a dheanamh, labhraidh sinn cailigin mu gach earran d’a urnuigh, agus air I. Tha e ag aidmheil gun raibh e peacach. Dh’aicheadh am Phaireasach gu dàna gun raibh eisean ciontach do pheacadh, thug e gu h-uaibhreach taing do Dhia, do bhri gun raibh e na b’ fhearr na daoine eile; le so nochd e gun raibh inntin dall, a choguis na tosd, agus a chridhe aingidh. Ach tha ’m Publicanach air an làimh uile, gu h-ullamh ag aidmheil gu’n raibh e ciontach gun do bhrisd e lagh Dhe, gu’n d’rinn e tàir air uachdaranachd, agus gu’n raibh e buailteach do pheanas. Chuir a choguis fein an ceill da a pheacaidh gìn agus gniomh, mhothuich é gu’n raibh a natur fein truaillidh, gu’n raibh [TD 76] anam priseil air a lotadh gu geur, a thoil crosda do-lùbaidh, agus a chaithe-beatha dubhailceach, aingidh. Fhuair e beachd ceart do naomhachd Dhe, do gheur-cheartas a lagha, agus d’a chòir gràdh agus umhlachd fhaghail o chreatuirean. Dh’innis a choguis dha, gu’n do dhiùlt eisean gu minic a chòir a thoirt do Dhia, chreid e a teisteas, chunnaic e cloidheamh ruisgte a cheartais ’nise ann an crochadh oscionn a chinn, lion so a chridhe le eagal, agus anam le bròn, thuit e gu h-iriosal sios gu làr, dh’aidich e gu treimh-dhireach ’s peacach mi. Bha a chionta mar eallach throm air inntin, bha a choguis g’a bhioradh agus g’a chlaoidh, agus o na bha e deirbhte gur e Dia ’mhàin a b’urrain cobhair a dheanamh air, cha raibh e ann comas d’a fois a mhealtuin, gus an do dhoirt è ’mach a chridhe na làthair. Bha fhios aige gun raibh e cubhaibh, agus ceangailte air a chinne-daonna am peacadh aidmheil do Dhia, agus nach b’urrain duil a bhi aca re maitheanas fhaotain, gun so a dheanamh, uime sin, o na bha mhiann airson maitheanas agus cairdeas De fhaotain oscionn gach ni, dh’ [TD 77] aid’ ich e gu h-iriosal, aithreachail a chionta dha. Agus le so a dheanamh, thug am Publicanach onoir do Dhia, dh’aid’ich e gu’m b’e uachdaran dligheach, gu’n raibh còir aige air umhlachd, agus gu’n raibh e duilich, brònach, do bhrì gu’n do dhiùlt e so dha, ach cha do stad e ann an so ach II. Ghuidh e air Dia tròcair a dheanamh air. Bha deadh mheas aig an Phaireasach dheth fein, bha e a’ cur earbsa ’na throsgadh, ’na urnuighean, ’na dheadh oibre fein amhàin, bha e gu h-aimeadach a’ saoilsin gu’n raibh e airson nan nithe so, a toilltin sonas neamh. Mhothuich am Publicanach, air an làimh eile, nach raibh e a’ toilltin ni sam bith o làimh Dhe, ach peanas amhàin, agus gu’n raibh e caillte, na ’m buineadh e ris do reir ceartais; uime sin, tha e a’ teicheadh o cheartas, a bha g’a dhìteadh, chum tròcair gu bhi air a thearnadh, tha e guidhe air Dia tròcair a dheanamh air. Si tròcair a bhuaidh sin do natur Dhe, a tha g’ a bhrosnachadh chum [TD 78] truas a ghabhail re chreatuirean, ’nuair a tha iad ainniseach agus truagh, chum maitheanas a thoirt dhoibh nan cionta, agus an uireasuibh a dheanamh suas, ged nach ’eil iad a’ toilltin a h-aon do na nithe so. Si tròcair Dhe, a tha g’a dheanamh gu h-àraidh maiseach am beachd dhaoine, si thròcair bunait dochais a pheacair, ’sann o thròcair amhàin a’s urrain dùil a bhi againne re maitheanas, sìth, agus sonas. Tha e coslach gu’n do reusannaich am Publicanach air an doigh so ris fein. “Maille re daoine eile, tha mi ’nise a’m sheasamh an teampull an De bheo, chum seirbhis, mar a’s còir, a dheanamh dhà-san, a thug dhamh mo bheatha, agus gach ni a tha mi a’ mealtuin. Tha Dia mar a tha mi leughadh na fhocal, a làthair anns gach àite, tha fior-eolas aige air gach ni, tha e gu h-àraidh a’ toirt fainear, fonn cridhe, agus giùlan a luchd aoraidh fein, tha iad freagarach dhà-san airson an giùlan, agus ’se chàirdeas amhàin a ni iad sonadh araon anise agus gu siorruidh. O ’m anam tha thusa comasach air sonas a mhealtuin, tha ciocras mòr ort na dheigh, ach cha n’ urrain [TD 79] nithe an t-saoghail so gu bràth do thograidh a shàsachadh, uime sin ’s còir dhuit iarruidh o Dhia ’mhàin. Ach cionnas a dh’iarras mi sonas uaithe, an iarr mi e, mar ni a tha mi a’ toilltin, no ’mhàin mar shaor-ghibht; smuainticheam re mionaid air an ni so, tha e cudthromach. Ciod a thuirt mi mu’m thoillteanas fein, mo thruaighe, tha mo choguis, tha mo reusan, tha mo mheodhair, agus m’ fhein-fhiosrachadh gu leir ’g innseadh dhamh, nach eil mi a’ toilltin ni sam bith ach peanas agus truaighe. Se Dia m’ uachdaran dligheach, ’seisean a dhealbh, ’se a chum mi suas, agus a bhuillich orm gach ni a tha mi a’ mealtuin, tha còir aige, uime sin, air mo ghràdh, agus air m’ umhlachd, nochd e a thoil dhamh, gheall e sonas neamh, ’n lorg umhlachd iomlan a thoirt dha, agus bhagair e pianntaidh Ifrionn na’n diùltain so. Ach mo thruaighe, cha n’ urrain dùil a bhi agamsa re sonas air an doigh so, oir rinn mi ceannairc an aghaidh Dhe, agus bhrisd mi gu minic agus gu dàna a lagh, nis’ o na tha a lagh agus a cheartas ga’m dhìteadh, mu gheibh mi sonas gu bràth, ’s ann o thrò- [TD 80] cair amhàin. Uime sin, fhad sa tha Dia a’ toirt cothrum agus comas dhamh, ’s còir dhamh mi fein ìsleachadh na làthair, agus ath’ chuinge dhùrachdach a chur suas ris, a Dhia, dean tròcair ormsa ’ta ’m pheacach.” Tha e coslach gur ann air an doigh so a labhair am Publicanach ris fein, agus a rinn e seirbhis do Dhia. Tha mi nise gu nochdadh san III. Gu’n d’ eisd Dia re ùrnuigh a Phublicanaich. Mar dhearbhadh riochdail air an ni so, tha ar Slanuighear; san rann an deigh ar ceann-teagaisg ag ràdh, gur dochadh gu’n deachadh an duine so fios d’a thigh air fhireanachadh, na ’m fear ud eile. Tha e mar an ceudna toirt deadh reusan airson an ni so, oir ars’ eisean, ge b’e neach a dh’àrdaicheas e fein, ìslichear e; agus ge b’e a dh ’ìslicheas e fein àrdaichear e. O na bha ’m Phaireasach an taobh amuigh gu cùramach a’ coimhead cuid do àitheanta Dhe, agus o na bha e ainmeil ameasg a phobuil ann an lorg so, shaoil e gu h-aimeadach gu’n raibh [TD 81] eisean gu h-àraidh naomha, agus a’ toilltin mòr-shonas, bha a chridhe air atadh suas le uabhar agus fein-spèis. Bha an duine so gu dàna ga chur fein ann an àite Dhe, agus a’ toirt eas-onoir dha, uime sin, tha Criosd ’g innseadh dhuinn nach do ghabh Dia ris fein, no re sheirbhis, ach gun raibh iad le cheile gràineil agus neo-thaitneach ’na bheachd. Ach o na dh’ìslich am publicanach e fein ann an làthair Dhe, o na bha e duilich brònach airson a cheannairc na aghaidh, agus eas-umhlachd dha, agus o na ghuidh e air gu dùrachdach tròcair a dheanamh air, tha Criosd ’g radh gun d’ eisd, gu’n do ghabh Dia gu càirdeil risean. ’Sann o’n Abhairseir a fhuair an cinne-daona uabhar, ’sann trìd so a thuit iad o’n ceud staid, se so a tha ga’n cumail fada o Dhia, agus ga’m bròsnacha chum a chòir a dhiùltadh dha, uime sin, tha uabhar gu h-àraidh gràineil am beachd Dhe, mar ni a tha toirt eas-onoir dha-san, mar ni aimaideach, aingidh, agus ciùrail do anamaibh dhaoine. Agus o na nochd am Publicanach le ghiùlan agus le ùrnuigh, gu’n raibh e saor do’n uabhar cridhe so, agus ar ìsleachadh gu làr o [TD 82] mhothachadh ceart d’ a chionta, agus d’ a chunnart, bha e anns an staid sin anns an còir do chreatair a bhi ann an làthair Dhe, thilg se è fein gu tùr air a thròcair chaomh, agus bhuin eisean gu gràsmhor ris. Gar bròsnachadh chum na nithe a chaidh a radh, a thoirt dha-thigh chum bhur cridheachan fein, agus mar cho-dhùnadh d’ar ceann-teagaisg, labhram air I, Caileigin riu-san a tha gu ’n mhothuchadh sam bith air an cionta, agus air an cunnart. Trìd baisteidh tha sibhse uile air bhur n’ ainmeach Criosduighean, agus mar cho-thional Criosduigh, tha sibh anise ann an làthair agus an teampull an De bheo. Ach na saoilibh, gu bheil mi mi-sheirceil, no gur e mo rùn droch sgeul a thogail oirbh, ’nuair a tha mi gu labhairt re cuid ’nar measg a tha gun mhothuchadh sam bith air an cionta, agus air an truaighe. ’S ni eagalach è gu bheil mòran ann s gach co-thional a tha ’san staid bhrònach so, agus ged a tha è mi-thaitneach dhoibh, gidheadh ’s còir dhuinn oidhirp a thoirt an [TD 83] dusgadh o chodal a pheacaidh. Tha fein-fhiosrachadh gach là a dearbha, gu bheil cuid do dhaoine ann, nach urrain eadhon innseadh ciod e peacadh, agus gu cinnteach cha n’ urrain mothuchadh ceart a bhi, aig an dream ain-eolach so, air a natur, agus air a mhi-thoilteanas. Tha cuid eile aig am bheil fios ciod e peacadh, ach mo thruaighe, tha an criodhachan air an cruadhachadh, agus an inntin air an dalladh leis, air mhogh ’s nach eil’ iad a’ mothuchadh an cionta, agus a’ faicin an cunnart. Labhram ’nise ris an d’a sheorsa dhaoine so. A’ bheil sibh a’ creidsin gu bheil Dia ann, gur e uachdaran an t-saoghail gu’n d’ thug e làgh do’n chinne-daonna, gu bheil còir aige air an umhlachd, gu’n dean e peanas siorruidh air an dream a bhriseas a làgh, agus gu’n d’ thoir e sonas, airson an oibre fein, dhoibhsin ’mhàin a choimheadas è gu h-iomlan. Mu tha sibh a’ creidsin nan nithe so, ciod a tha duil agaibh a dh’ eireas dhuibhse sa dheoigh, an saoil sibh gun saor bhur n’ ain-eolas agus bhur neo-mhothuchadh sibh, o’n pheanas sin a tha bhur cionta a’ toilltin; bheil dochas agaibh gu’ n toillich so ceartas [TD 84] agus làgh Dhe aig là mòr a bhreitheanais, nuair a bheir Dia do gach neach do reir an gniomhara. A dhaoine aimaideach na meallaibh bhur n’ anama fein leis an dochas fhaoin so, mu tha focal Dhe fior, tha sibhse ciontach do pheacadh, tha sibh air bhur dìteadh le làgh Dhe, a bhrìsd sibh gu minic, cha n’ urrain sibh bhur cionta a dhìoladh, agus sonas neamh a chosnadh le’r deadh oibre, mur dean Dia cobhair agus tròcair oirbh, tha sibh caillte gu siorruidh. O na se so an aon doigh, air am fuigh sibh maitheanas, sìth, agus sonas, o smuaintichibh air bhur staid chunnartach, bhrònach fein, leanuibh gu’n dàil eisiomplair a Phublicanaich, ìslichibh sibh fein an làthair Dhe, aideachaibh bhur peacaidh dha, agus guidhibh air gu dùrachdach tròcair a dheanamh oirbh. Ann an Criosd tha Dia a’ nochdadh saibhreas a thròcair, tha e a’ buntain gu tròcaireach ris gach neach, a tha gabhail re Criosd, agus a’ cur earbsa annsan ’mhàin airson slàinte, iarruibh, uime sin, tròcair o Dhia air ’sgà na rinn agus na dh’ fhuiling ar Slanuighear, agus mu ni sibh so gu h-aithreachail treimh-dhireach, ni Dia gu cinnteach tròcair oirbh. [TD 85] II. Labhram caileigin riu-san, a tha, cosmhuil ris an Phaireasach, air an atadh suas le fein-speis, agus aig am bheil duil re sonas Neamh airson an deadh oibre. Tha cridhe an duine cealgach oscionn gach ni, ro-aingidh, làn do uabhar agus do fhein-speis. ’Siomadh doigh air am bheil a chridhe a’ mealladh an duine mu dheimhin a staid, tha e gu cealgach a’ folach a chionta o bheachd, no ga lughadachadh gu mòr, tha e gu miodalach a’ molladh gach ni math a tha e a’ deanamh, agus a’ cur an ceill dha o àm gu h-àm gu bheil e na ’s fhearr na mòran do dhaoine eile. Tha ni eile ann, a tha ro-ullamh chum daoine a mhealladh mu dheimhin an staid, agus se sin deadh ainm a-measg dhaoine. B’ iad na nithe so a dhall sùilean na ’m Phaireasach, a rinn iad co-uaibhreach, agus co neo-mhothachail air an cionta b’ iad so gu h-àraidh a bhròsnaich an neach sin, mu bheil ar Slanuighear a’ labhairt, chum e fein fhireanachadh an làthair Dhe, agus tàir a dheanamh air daoine eile. Nochd mi dhuibh a cheana gun raibh uabhar an ti [TD 86] so gràineil am beachd Dhe, gu’n raibh a sheirbhis neo-thaitneach dha agus gu’n do dhiùlt e gabhail ris. Mu se ar rùn-sa eisiomplair an ti so a leantuin, agus teisteas ar cridhachan uaibhreach fein a chreidsin mu dheimhin ar staid, cha ’n fhaigh sibh gràs o Dhia, cha dean eisean tròcair oirbh. Ach ’s ni soilleir e o fhocal De, gu bheil sibh caillte, mur dean eisean tròcair oirbh trìd an t-Slànuighear, o nach urrain neach sam bith a shlàinte fein oibreachadh amach. O so tuigibh ciod i bhur staid, agus cia mor bhur cunnart; o so bithith air bhur bròsnachadh chum sibh fein ìsleachadh ann an làthair Dhe, guidhibh air bhur cionta a nochdadh dhuibh, bhur n’ uabhar a sgrios, agus tròcair a dheanamh oirbh. III. Labhram focal no dha riu-san a tha mothachadh an cionta, agus ga’n ìsleachadh fein ann an làthair Dhe. A bheil sibhse anise, cosmhuil ris a Phublicanach iriosal, bhochd, a’ mothuchadh gur creatairean ciontach truaillidh sibh, thugaibh cliu do Dhia, a tha gu gràsmhor a’ fosgladh [TD 87] bhur sùilean, agus a’ nochdadh bhur fior-staid dhuibh. An àit’ bhur coguisean a chur nan tosd, ’nuair a tha iad anise a’ cur an ceill bhur peacaidhean dhuibh, aidichibh iad gu iriosal do Dhia, agus gabhaibh sòlas agus misneach o shoirbheas a Phublicanaich. Tha Dia ceart co ullamh, ceart co toileach tròcair a dheanamh oirbhse, a’s a bha e air-san; tha e ann an Criosd, gu saor a tairgse gràs agus tròcair dhuibh. Na bithibh, uime sin, mi earbsach a Dia, a tha pailt ann an gràs, agus saibhir ann an tròcair; cuiribh làn-earbsa ann an umhlachd, ann an iobairt-rèitich, agus ann an eidear-ghuidhe ar Slànuighear, ìslichibh sibh fein ann an làthair Dhe, agus àrdaichidh eisean sibh. Feithibh air Dia na òrdunansaidh fein le creidimh agus le dochas; feithibh air bhur Slànuighear, aig a bhord, agus guidhibh air e fein a nochdadh dhuibh an gràdh. Gu’n deonaiche Dia gu’m bi gach h-aon againn air ar neartachadh, chum ath-chuinge a Phublicanaich a chur suas ris, gu h-iriosal aithreachail, agus gu treimh-dhireach, a Dhia, dean tròcair ormsa ’ta ’m pheacach. [TD 88] SEARMOIN VI. 1. PEAD. II. 25. Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seacharan; ach philleadh sibh a nis chum Buachaille agus Easbuig bhur n’ anama. ’SI irioslachd araon neart agus maise an anama; si so an sgeudachadh a’s fhearr co mhath ’san sgeudachadh is àluinne. ’Sonadh an duine air am bheil eagal an Tighearna ghnà; ach an ti a chruaidheachas a chridhe tuitidh se an droch-bheart; oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, agus a’ toirt gràis dhoibh-sin ata iriosal. Co luath ’sa thuirt Daibhi, cha d’ theid mo ghluasad am feasd, air ball mhothuich e mugha mor na staid, agus bha aobhar aige na briathra brònach [TD 89] so a labhairt, dh’fholaich thu do ghnùis, agus bha mi fui’ thriobloid. ’S iomadh meadhon a ghnàthaich Dia anns gach linn da Eaglais, chum uabhar fhogradh a cridheachan dhaoine, agus chum an irioslachd-inntin sin a ghineamhuin annta, a bhuineas do chreatairean peacach. Be so a bh’ aige gu soilleir ’na bheachd le orduighean an t-sean tiomnaidh. Bha iobradh an uain-chaisg, maille re fheum mar shamhladh air iobairt Chriosd, gu h-àraidh a’ teagasg dhoibh araon irioslachd-inntin agus taingealachd. “Agus tarlaidh, arsa Maois, le àithne Dhe ’nuair a their bhur clann ruibh, ciod is brigh do’n t-seirbhis so? their sibhse, is i sò caisg an Tighearna, a chaidh thairis air tighean clann Israeil, ’nuair a bhuail e na h-Eiphitich, agus a shaor e ar tighean-ne.” Air an doigh cheudna, ’nuair a thug iad an ceud thoradh mar ofrail do’n Tighearna, feisd eile a bh’aca gach bliadhna, choisrig iad so leis na briathraith a leanas. Bu Shirianach, a bha ullamh chum bàs fhaghail, a b’ athair dhamh, agus chaidh e sios do’n Eiphte, agus ghabh e cu- [TD 90] airt ann an sin le beagan, agus dh’ fhas iad nan rioghachd mòr, cumhachdach agus làn do phobull. Agus bhuin na h-Eiphitich gu h-olc ruinn agus chlaoidh iad sinn, agus rinn iad tràillean dhinn. Agus ’nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna Dia ar n’ aithreacha, dh’ eisd an Tighearna re’r guth, agus dh’amhairc e air ar truaighe, agus air ar saothair, agus air ar foirneart. Agus thug an Tighearna mach sinn as an Eiphit le làimh threun, agus le gairdean sinnte mach, agus le mòr-uamhunn, agus le comharaibh, agus le miorbhuilibh. Agus thug e sinn chum an aite so, agus thug e dhuinn an talamh so, eadhon talamh a tha làn do bhainne agus mil. Agus nise feuch thug mi ceud thoradh na talmhuin, a bhuillich thusa, o Thighearna, orm. Mar so thog Dia suas a shean phobull, chum seirbhis a thoirt dha le urram, agus chum gairdeachas a dheanamh le crith na làthair. Bha ’n offraile-buidheachais, co mhath re n’ iobairtean airson peacaidh a’ cur an cuimhne dhoibh, cia diblidh an ceud staid agus cia mòr an tràilleachd o’n do shaor Dia [TD 91] iad. Bha eadhon gach gniomh aoraidh a’ teagasg dhoibh a’ radh maille re Daibhi, co mise, o Thighearna Dhia, no ciod e mo thigh, gu ’n do thug thu am fad so mi air m’ aghaidh. Tha orduighean an t-soisgeil san tiomnadh-nuadh a’ cur an ceill nan nithe ceudna agus eadhon air mhogh na’s riachdaile. Tha caisg an t-soisgeil a’ cur an cuimhne ar saorsa o thràilleachd spioradail, air an robh saorsa nan Judhach ’mhàin na shamhladh lag. Anns na nithe lionmhor, cràiteach sin a dh’ fhuiling Criosd, chum ar saoradh, chi sinn ni ’mhàin saibhreas do-rannsachaidh a ghràidh, ach mar an ceudna cia mòr mi-thoilteanas a pheacaidh, agus cia uamhunn an truaighe, gus an do thuit sinn le’r seacharan. ’Nuair ma seadh, a tha sinn a’ deanamh uaill ann an slàinte, mhòr Criosd, tha so a’ cur an cuimhne dhuinn an staid bhrònach, bhochd anns an d’ fhuair a thròcair sinn, chum stad a chur air gach smuainteadh àrd, agus gar co’-eigneachadh chum cliu na tha sinn a’ sealbhachadh, no ris am bheil [TD 92] dùil againn a thoirt do shaor-ghràs De ’mhàin. Gar stiùradh chum so a dheanamh, rinn mi roghain do bhriathra ar steidh-teagaisg: “Oir bha sibh mar chaoraich a’ dol air seacharan; ach philleadh sibh a nis chum Buachaille agus Easbuig bhur n’ anama.” Tha na briathra so a’ cur an ceill da staid air am bheil mugha mòr—Ciod a bha sibh aon uair a thaobh naduir agus ciod a tha sibh a nis trìd gràis. Guidheam oirbh air I. Beachd a ghabhail d’ ar ceud staid, ’nuair a bha sibh, mar chaoraich, a’ dol air seacharan. Mar dhearbhadh gu bheil an comhad so gu maith a’ coi’-fhreagradh chum staid nadureil dhaoine a chur an ceill, tha e gu minic air a ghnàthachadh ann am focal De. Cha ne mo rùn an cos-las a tha eidir peacairean agus caoirich a tha dol air seacharan, anns gach ni a nochdadh, ach a mhàin ann an cuid do na nithe is riachdaile. Agus air I. Tha caoraich, a tha treigsin an deadh [TD 93] fheoir, agus a tha a’ dol air seacharan do’n fhàsaich thirim lom, a’ nochdadh dhuinn gu riachdail, comhara bochduin, iom-cheist agus calldach dochais. Nise, mar so tha gach duine, ’na staid nadureil, ’s iad a chuibhrionn diomhanas agus buaireas spioraid; tha e mar dhuine, a tha re aisling agus feuch tha e ’g itheadh, ach tha e mosgladh, agus tha anam folamh. Air dha a dhochas a chall sgach ni a rinn e, tha e dol o àite gu h-àite, ghnà a’ feoraich le cùram, co a nochdas dhomhsa maith? Tha ni folamh an taobh astigh dheth nach urrain an saoghal a lionadh; ann an lorg gach ulluchaidh, a tha e deanamh air a son, tha an fheoil ghnà ’g eigheach thoir, thoir; agus cosmhuil ris an teine, no ris an uaigh, cha ’n eil e air àm sam bith ’gradh ’s leòir e. Tha na creatuirean uile dha-san mar a bha na plaosgan do’n mhac strothail, tha car mionaid a’ deanamh cobhair, ach cha ’n eil gu’n amharus ga bheathachadh, tha e ’g itheadh dhiu ach tha acras air fhathasd, agus tha anam fann, tha e bàsachadh dhìth lòin. San II. Tha an comhad a’ cur an ceill staid a [TD 94] tha làn do chunnart, co mhath ’s do bhochduin. ’Slionmhor naimhde nan caorach, agus cha ’n eil creatuirean ann aig am bheil na ’s lugha do ghliocas ga ’m mealladh, no do neart chum seasamh nan aghaidh. ’Sann o chùram a bhuachaile a tha ’n tearuinteachd a’ sruthadh; agus mu tha iad ga fhàgail, tha ’n naimhde air ball g’ àn glacadh. Cia riachdail, mo thruaighe, a tha ’n comhad ann an so a’ cur an ceill staid pheacairean. Tha ’n naimhde spioradeil araon lionmhor agus cumhachdach; tha ceilg na nathair, agus neart an leomhain gu fann a’ cur an ceill an ceilg agus an neart-sa. Ach ged is iad so an ceilg agus an neart, gidheadh tha an-dànadas agus fein-earbsa pheacairean co mhòr, as gu bheil iad a’ dol o àm gu h-àm gu’n eagal chum an àiteacha’-comhnuidh, agus eadhon a’ ruidh chum na liontaidh a chaidh a leagail chum an sgrios. San III. Ged a tha creatairean eile co mhath re caoraich, ullamh chum dol air seacharan, gidheadh, feudaidh sinn gu firinneach a radh [TD 95] mu’n deimhin, nach eil creatuirean sam bith ann, aig am bheil na ’s lugha do thùr, ann an amas air an t-slighe o’n deachadh iad air seacharan. Chi sinn ann an so cia lag aimeadach an duine thaobh naduir, agus cia ea-comasach e, an sonas agus a ghlòir-sin, a chaill e a chosnadh. Leis na briathra a ghnàthaich e, tha e coslach, gum b’e rùn an Abstoil, gun d’ thugamaid gu h-àraidh fainear an ni so. Cha ’n eil e’ gràdh, phill sibh, ach philleadh sibh, se sin chaidh ar n’ iompachadh, chaidh a thoirt oirbh pilltin An ni a thuirt ar Slànuighear re dheisciobuil, feudaidh e radh re creidmhich anns gach linn da Eaglais, cha sibhse a thagh mise, ach ’s mise a thagh sibhse. Is e Dia a tha ’g oibreachadh annain araon an toil agus an gniomh, da ghean-math fein. Le gràs ’ta sinn air ar tearnadh agus so ni h-ann uainn fein, is è tiodhlacadh Dhe e. Tha Criosd fein a’ teagasg an ni so air mhogh ro-riachdail, ’nuair a tha e ’gradh, cha n’ urrain neach air bith teachd am’ ionnsuidhs, mur tearruing an t-athair a chuir uaithe mise e. Anns na nithe so uile tha ’n comhad gu maith a coi-fhreagradh. Ach ann sa [TD 96] IV. Tha aon ni ann anns nach eil è a’ coi-fhreagradh. ’Nuair a tha caoradh a’ dol air seacharan, tha a maighistir a’ gabhail truas ria’ an àit’ a bhi fui’ chorruich na h-aghaidh. Tha e beachdachadh orra, ni h-ann mar chreatoir ciontach, ach aimeadach; agus uime sin tha è ga h-iarruidh le cùram, agus ’nuair a tha è ga faotain, an àite peanas a dheanamh orra, tha è ga h-altrum gu caomh, agus g’a toirt dh achaidh le aoibhneas. Ach mo thruaighe! ann an dol air seacharan o Dhia, tha sinne ciontach do gach lochd, is urrain ar deanamh fuathach, gràineil ’na bheachd. Shruth a cheannairc so, ni h-ann o anmhuinneachd, ach o làn-toil an duine, ’si so ar cionta, eadhon ceannairc uaibhreach, cheann-laidir, ceannairc a tha air a dùthadh leis a mhi-thaingealachd is mò-ceannairc gu’n aobhar an aghaidh athair ar spioraid, agus fear cumaidh ar cuirp an aghaidh an Dia sin, anns am bheil ar bith, ùghdair càirdeil na ’n tiodhlaca prìseil sin, a tha sinne gu h-aingidh a gnàthachadh, mar airm chogaidh na aghaidh. [TD 97] Si so cionta pheacairean neo-atharraichte. Ach cia sonadh an dream muì ’m feudar a radh, mar sin gu’n amharus bha sibhse, ach tha sibh air ar n’ ionnlad, air ar naomhachadh, agus air ar fireanachadh an ainm an Tighearna Iosa, agus le spiorad ar Dia-ne. Tha so a’ cur an cuimhne dhamh ’san II. A nochdadh ciod ar staid trìd gràis philleadh sibh chum buachaill agus Easbuig bhur n’ anama. Tha sibh air bhur pilleadh chum an ti sin, a thainig o neamh gu talamh, a dh’ arruidh agus a thearnadh an ni sin a bha caillte. Chum an ti sin, a bha ann an corruich ruibh airson bhur seacharain, gidheadh a dh’ ofrail iobairt air bhur son, agus a dh’ iol bhur cionta le fhùil phrìseil fein. Chaidh Criosd a leonadh airson bhur n’ eas-aontais, a bhruthadh airson bhur cionta, chum tre chreachda gu’m bitheadh sibhse air bhur slànuchadh. ’Se so am buachaille math a leag sios anam airson nan caorach; neach, a rinneadh na pheacadh, ged nach b’ aithne dha pea- [TD 98] cadh chum gu’m bitheamaid-ne air ar deanamh ’nar fireantachd Dhe ann-san; neach a dh’ fhuiling am firean airson nan neo-fhìrean chum gu’n d’ thugadh e sinne dh’ ionnsuidh Dhe,; le dochas daingean agus le dànadas cloinne, gu’m fuigh sinn tròcair agus gràs chum cobhair ann an àm ar feuma. Tha sibh air bhur pilleadh a dh’ionnsuidh an ti sin, a ghiùlain ni ’mhàin bhur trioblaide, ach a thug buaidh air bhur naimhde, mar cheann a phobuill. Na phearsa fein chuir e a ’s an armachd uachdranachda agus cumhachda; agus tha a shoirbheas mar gheall, gu’m fuigh sibhse buaidh iomlan orra fa dheoigh. Feudaidh iad ionnsuidh a thoirt oirbh, ach cha n’ urrain iad bhur ciùradh, oir le fuil an uain gheibh sibh buaidh. Ann an ùine ghrad bruthaidh Dia na sìth Satan fui’ ur cosaibh, agus cuiridh se oran nuadh ’n’ur beul, ’nise ta slàinte agus neart, agus rioghachd ar De-ne, agus cumhachd Chriosd air teachd oir thilgeadh sios fear-casaid ar bràithre, a bha gan casaid ann an làthair ar De-ne a là agus a dh’ oidhche. [TD 99] Tha sibh air bhur pilleadh chum an ti sin, a ghabhas ann an deigh so cùram àraidh dhibh, agus a dhionas sibh mar dhream a cheannaich e le fhuil fein. Air a bhuachaille so Israeil, air an Easbuig, air an fhear-coimhead so anama, cha n’ aom codal no suain air àm sam bith! ’S minic a dh’ oibrich e saorsa dhuibh ann àm bhur feum, ’nuair a bha sibh gu mi-thaingeil a’ deanamh tàir air, agus ga dhiùltadh. ’S tric roimhe so a dhion e sibh, mu’m b’ aithne dhuibh a chairdeas, mùn d’ iarr sibh a choghnà; ach anis tha shùil do ghnath oirbh, tha chluas do ghnàth fosgailte d’ar glaodh, tha ghairdeana siorruidh do ghnàth muncuairt duibh; agus uime sin feudaidh sibh gu dàna a radh; ’s e ’n Tighearna mo sholus agus mo shlàinte, co a chuireas eagal orm? ’Se ’n Tighearna neart mo bheatha, co a chuireas faitcheas fu’m? Feuch, ’se Dia mo shlàinte; ni mi earbsa, agus cha bhi mi fui’ eagal; ’se ’n Tighearna Jehohba mo neart agus m’ òran, agus tha e air fàs dhamh na shlàinte. Tha sibh air bhur pilleadh chum an ti sin [TD 100] a tha ni mhàin uile-chumhachdach ga’r dìonadh o chunnart, ach mar an ceudna iomlan an truacantas chum co-fhulang maille ruibh ’nar teinn, agus chum sòlas a thoirt dhuibh ’nar triobloidibh. Tha esan macanta agus tròcaireach, foighidneach agus iriosal, tha e a’ tional nan uan le làimh, agus ga’n iomchar na uchd, agus treoirichidh se gu mìn iadsan anns am bheil uain. Tha e gabhail truas re ’n anmhuinneachd, tha e toirt maitheanas dhoibh ’nan seachrainibh; tha e ga’n caomhnadh ’nuair a tha iad fann, agus a’ feitheamh orra, ’nuair a tha iad fuidh eàcail; agus ni, nach urrain leigh sam bith eile a dheanamh, tha e toirt neart ’nuair a tha iad fann, agus slàinte, ’nuair a tha iad fui’ eàcail; tha e ni mhàin a’ toirt dhoibh lon ach mar an ceudna rùn a ghabhail; tha e g’a bheannachadh, agus a’ toirt eifeachd dha chum am beathachadh. Ciod tuille a their sinn? Tha am buachaille agus an t-Easbuig anama so do ghnàth a’ gabhail cùram dhiu eadhon gu bàs. Agus cha ’n eil e ga’n treigsin air an àm uamhunn so, ach tha e a’ dol a steach maille riu do’n [TD 101] ghleann domhuin, dorchadh, tha e le luirg ga’n cumail suas, agus mar sin tha e toirt sòlas dhoibh le bata a neart, as gu bheil iad ag imeachd trìd a ghlinn gu duineil, gun eagal uilc sam bith a bhith orra, do bhrì gu bheil esan maille riu. ’S lionmhor aireamh an dream sin do na naoimh a fhuair mòr-onoir air an doigh so. Neartaich Criosd eadhon cuid a bha trìd eagal a bhàis re am beatha uile fui’ dhaorsa, chum buaidh a thoirt air Righ nam fiamh, ’n àm mionaide deireannach agus chum a radh maille re Pol, o bhàis c’ àit am bheil do ghath! o uaigh, c’ àit am bheil do bhuaigh? No mu tha sgàile an anmoich co thiugh, is nach urrain iad an làmh sin fhaicin, a tha gàn cumail suas, gidheadh meudaichidh an sgàile so an iongantas, an taingealachd, agus an aoibhneas, ’nuair aig ceann eile a ghlinne a sgapas an deadh bhuachaille air falbh e, agus a sheasas e nan làthair na uile ghlòir; ’nuair a chuireas e gu cairdeil fàilte orra, agus a bheir se iad suas chum achaidhean tarbhach a Chanaan neamhaidh; ann an sin mar a tha e air a radh ann an leabhar Taisbean Eoin, cha bhi ocras orra tuille, no tart ni ’s mò, cha mhò a [TD 102] luidheas a ghrian orra, no teas air bith. Oir beathaichidh ’n t-uan ata ’m meadhon na righ-chaithreach iad, agus treòraichidh se iad gu tobraichibh do uisge na beatha. Mar so nochd mi bhur staid thaobh naduir, agus trìd gràis. Mar fhoghnadh òn iomlan, se mo rùn anis a nochdadh, cionnas is còir dhuibh feitheamh air Criosd. Agus air I. ’S còir feitheamh air le mòr irioslachd. Se so an sgeudachadh is fhearr a tha coi-fhreagradh re’r staid, co dhiu a tha sinn a’ gabhail beachd dhinn fein, mar dhream a thuit, no tha air ar togail; mar pheacairean no mar naoimh. An d’ fhuair sinn maitheanas; aon uair bha sinn air ar dìteadh. Am bheil sinn air ar naomhachadh? Aon uair bha sinn neo-ghlan. An d’ fhuaradh sinn? aon uair bha sinn caillte. Am bheil sinn beo? Uine bheag roimhe so bha sinn marbh; agus tha sinn fhathasd beo le gràs De; ’sesan a dh’ ath-bheothaich sinn, agus ni h-e sinn fein; ’s eisean a tha cuir dealachadh oirn, agus cha ’n eil ni againn ach na fhuair sinn uaithe. Cha deachaidh uabhar [TD 103] ma seadh, gu cinnteach a dheanamh airson an duine. San II. ’S còir feitheamh air Criosd le taingealachd agus teas-ghràdh. ’S còir dhuinn cliu a thoirt do ’n athair, nach do chaomhain a mhac fein, ach a thug thairis è mòr iobairt air ar soin-ne. ’S còir cliù a thoirt do Chriosd, nach do chaomhain e fein, ach air dha cruth seirbhisich a ghabhail air, striochd e do ocras agus tart, do fhaire agus sgios, do dhi meas agus cràdh, agus eadhon do ’n bhàs, agus do ’n uaigh, chum tre thoilteanas a bhàis, gu ’m bitheamaid-ne beo gu siorruidh. ’S còir cliu a thoirt do spiorad nan uile ghràs, a tha gar dlù-cheangal re Criosd, a tha a’ cuir re’r n’ anama an t-slàinte a choisin esan, a tha ’g ath-nuadhachadh ar naduir truaillidh, agus ga’r deanamh iomchuidh fa chomhair oighreachd nan naomh san t-solus. Cia math a tha an laoidh mhollaidh sin a’ co-fhreagradh re cuimhneachadh bàis Chriosd; a sheinn armailte neamh ’nuair a thug iad sgeul air a bhreith, glòir do Dhia ’s na h-àrdaibh air [TD 104] talamh sìth, deadh-gheann do chlann nan daoine. III. ’S còir feitheamh air Criosd le bròn airson ar peacaidh, agus le rùn naomha gun oilbheum ni ’s mò a thoirt dha. Am bheil Criosd air a nochdadh aig a bhòrd, air a chèusadh fa chomhair ar sùl? Agus an urrain sinn amharc airsan a lot sinn, gu’n bhròn a dheanamh airson na ’m peacaidhean sin, a bha mar mhathair-aobhair fhulangais? ’S còir do gach fear-communnaich treimh-dhireach a radh, ciod an gnothuch tuille a th’ agam-sa re iodholaibh? An ni nach aithne dhomh e, a Thighearna, teagaisg thusa dhomh, agus mar a rinn mì peacadh, cha dean mi so ni ’s mò. Ann sa IV. ’S còir do mhothuchadh d’ar ’n an-mhuinneachd fein, agus d’ar feum air coghnàdh Chriosd, a bhi ghnàth maille ris an rùnso. Eadhon ’nuair a tha sinn air ar pilltinn chum Easbuig ar n’ anama, mu tha Criosd [TD 105¹] g’ar treigsin tha sinn air ball a’ tuisleachadh, agus a’ tuiteam. Tha an làmh, a thug sinn air ar n’ais, ’nuair a bha sinn a’ dol air seacharan, do ghnàth feumail g’ar cumail suas, agus g’ar treòruchadh air ar n’ aghaidh san t-slighe, gus an ruig sinn talamh a gheallaidh. As m’ eugmhaisse, ars’ a Criosd re fhior-dheisciobuil, cha n’ urradh sibh ni sam bith a dheanamh. An ni a tha daoine a’ toiseach le fein-earbsa, tha so gu minic a’ criochnachadh le masladh. Thuirt Peadar le uaill re mhaighistir, ged a threigeas iad uile thu, cha treig, mise, gidheadh threig esean ni ’mhàin e, ach le mionnan agus mallachadh dh’ aicheadh se gu’m b’ aithne dha riamh e. An neach a tha cuir earbsa na chridhe fein ’s amadan e. Feuch, ars’ am faigh, an t-anam a tha air a thogail suas, cha ’n eil e treimh-dhireach. Cia feumail ma seadh a chomhairle, an ti a tha saoilsin gu bheil e a’ seasamh, thugadh e fainear nach tuit se. Maille re so sa V. ’S còir làn-earbsa a chur ann an cumhachd agus ann am firinn Criosd. Ged a thuirt Pol nach b’ urrain e eadhon deadh smuain a smuainteachadh a ’s eug- [TD 106¹] mhais coghnàdh Dhe; gidheadh thuirt an neach ceudna gu h-ullamh, trìd Criosd a tha ga’m neartachadh, ’s urrain mi gach ni a dheanamh. Am buachaille math sin a fhuair sinn ’nuair a bha sinn air seacharan, ’s urrain e ar treòruchadh ann an slighe na fireantachd; agus ni e so air sgàth ainme fein. ’S iad so a gheallannadh càirdeil do gach neach a tha air a philleadh na ionnsuidh, ’s leòir mo ghràs-sa dhuit. Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na bi fuidh gheilt, oir ’s mise do Dhia, neartaichidh mise thu, agus bheir mi dhuit coghnàdh, agus cumaidh mi suas thu le deas làimh m’ fhìreantachd. ’S iad so na h-aigneidh is còir dhuinn altrum, agus ’se so an rùn anama, leis an còir dhuinn feitheamh air Dia ar Slanuighear. Leis na n-aigneidh, agus leis an rùn so, ma seadh, cuairticheamaid altair naomha, a guidhe gu’m bi an fheisd so, le bheannachadh, air a dheanamh eifeachdach chum ar creidimh a neartachadh, chum ar gràdh a lasadh suas, agus chum ar dochas a bheothachadh. Guidheamaid, leis an làn a gheibh sinn, gu [TD 107¹] ’m bi sinn air ar neartachadh chum dol air ar n’ aghaidh ’n ar slighe trìd fàsach an t-saoghail so, gus an ruig sinn talamh na sìth; far am faic sinn, aghaidh re h-aghaidh buachaill agus Easbuig ar n’ anama, agus far mu’n cuairt do Righ-chaithir Dhe agus an uain, an seinn sinn gu siorruidh maille ris na Naoimh, dha-san a ghràdhaich sinn, agus a dh’ ionnlaid sinn o ar peacaibh na fhuil fein, agus a rinn righridh dhinn agus sagarta do Dhia, agus do Athair-san; dha-san gu roibh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen. [TD 108¹] SEARMOIN VII. SALM CXXX. 3. A Thighearna, nan comharaichteadh leatsa lochdaidh, co O Thighearna, a sheasadh ann ad’ fhianuis. ’S iad ceartas agus tròcair na h-iomlaine sin do nadur Dhe, ris am bheil gnothuch againne gu h-àraidh mar pheacairean. ’S eigin, uime sin, do bheachd soilleir do na h-iomlainidh so, a bhi mar bhùn-steidh aig fior-dhiadhachd. Tha e soilleir gu bheil beachd, araon do cheartas agus do thròcair feumail, chum am peacair a thoirt gu aithreachas. ’S eigin dha a chionta agus a thruaighe fhaicin, maille ris an t-slighe air am fuigh e gu cinnteach, agus amhàin saorsa òn staid so. Tha am beachd ceudna feumail do ’n fhior-chriosduidh, fhad sa tha e na staid neo-iom- [TD 109¹] lan air an àm. Tha am beachd so feumail do’n fhein-aicheadh, a bhuineas dha, tha do’n ìslicheadh, agus do’n aithreachas is còir a bhi aige mar ghnàth-obair. Ach ’s eigin ann an so a thoirt fainear, ged a tha mòran a’ labhairt mu na h-iomlaine so, gidheadh gu bheil an aireamh gann, a tha gu ceart ga’n tuigsin. Tha aig daoine an dara cuid, eolas neo-iomlan, no cinnteadh anmhunn do cheartas De, agus an lorg sin tha iad a’ deanamh tair air a thròcair. No air an làimh eile, tha iad ullamh gu beachd an-dàna ghabhail da thròcair choitchionn, agus ann an lorg sin gu tàir a dheanamh air a gheur-cheartas. Tha ni ’mhàin an dream sin a’ deanamh so, a tha gu tùr fuidh chumhachd a pheacaidh. Tha eadhon clann De fein ullamh, an dara cuid am beachd d’a mhòrachd, agus d’a naomhachd a chall, bu chòir am bròsnachadh chum seirbhis a thoirt dha le urram agus eagal diadhaidh, no le leigeil air dearmad aire thoirt d’a thròcair tha iad ullamh gu tuiteam ann an eagal diblidh leis am bheil iad a’ toirt eas-onoir do Dhia, agus a’ ciùradh an sìth fein. [TD 110¹] Tha Daibhidh ’nar steidh-teagaisg a’ toirt beachd soilleir araon do cheartas, agus do thròcair Dhe. Tha cuid a’ saoilsin gu’n do sgriobh e ’n t-salm so, ’nuair a thuit e am peacadh mòr; agus cuid eile gu’n d’rinn e so, ’nuair a thugadh mòr-chunnart a pheacaidhean d’a chuimhne. Gun aire thoirt dà thròcair, se mo rùn beachd a thoirt dhuibh dà cheartas. Agus chum so a dheanamh, le coghnàdh Dhe, bheir mi oidhirp air I. An ni a tha e ’g radh mu so a mhìneachadh. II. A dhaighneachadh o fhocal De, agus o fhiosrachadh dhaoine. III. Foghnadh iomchuidh a dheanamh. I. Tha mi gus an ni sin a mhìneachadh, a tha e ’g radh mu cheartas De. Ma chomharaicheas thusa, O Thignearna, peacadh co is urrain seasamh. Tha na briathra sa a’ cur an ceill, gu’n roibh aige mothuchadh domhain da pheacadh, agus dearbh- [TD 111¹] chinnte nach b’ urrain se e fein fhireanachadh ann an làthair Dia na naomhachd. Tha Dia uile fhiosrach, tha e làthair anns gach àite, ’s aithne dha ar smuaintidh agus ar slighe, agus uime sin, ’s eigin làn-eolas a bhi aige air ar peacaidhean gu leir. Cha be rùn Dhaibhidh, leis na briathra a chur an ceill, gu bheil peacaidhean sam bith ann, do nach ’eil Dia a’ toirt aire; oir tha so ea-comasach. Ach a reir coslais tha e ’g ainmeach lochdaidh a chomharachadh, do reir cleachduighean chùirtean talmhaidh, far am bheil am breitheamh ’g àithne gach ni chur sios, ann an aghaidh a chiontaich, a tha feumail chum breith a thoirt. Anns a’ bheachd so, be a bhrigh nan comharaicheadh Dia mar sin an lochdaidh, s gu’n deanadh e peanas orra airson gach h-aon da ’n roibh iad ciontach, gu ’m bitheadh e gu tùr ea-comasach a leithid so do dh’ fheuchain a sheasamh. Cha ruig mi leas innseadh, nach ’eil a cheist fheòraich, co a sheasas, a’ ciallachadh gu bheil teagamh sam bith sa chùis, no gu bheil neach re fhaotain as urrain an d’fheuchain so a sheasamh; ach ann an àite sin, tha [TD 112¹] ’g aicheadh so air mhogh ro neartmhor. A-ris, cha n’ fheud sinn a shaoilsinn, gu ’m be rùn Dhaibhidh, leis a cheist a chur gu coitchionn, co a sheasas, a chùis-chasaid a thionndadh uaithe fein, agus a pheacaidhean a dheanamh na bu lugha, le dream eile a dheanamh ceart co chiontach ris fein. Tha mòran ’san t-saoghal a deanamh so, a tha a’ saoilsin ma tha mòran ciontach do pheacadh àraidh gu bheil an aireamh a’ deanamh cionta neach sam bith na ’s lugha. Ach tha fior spiorad an aithreachais a’ toirt beachd eile dhuinn, tha so a’ suidheachadh ar sùilean air ar lochda fein, tha plàighean àraidh ar cridhachan, gu ’n aire a thoirt do pheacaidhean dhaoine eile ach amhàin mar dhearbhadh air truailleachd ar naduir. Se so, ma seadh, do reir coslais fior sheadh na ’m briathra, nan deanadh tusa, O Thighearna, peanas airson gach lochd, cha b’ urrain an duine is naomha air thalamh seasamh ann ad’ làthair. Bheir sinn anis oidhirp ’san II. An fhirinn so a dhearbhadh o fhocal De, agus o fhiosrachadh dhaoine. [TD 105²] Agus feudaidh sinn ann an so a thoirt fainear, gu bheil so do ghnàth air a theagasg am focal De, agus do ghnàth air aidmheil leis an dream a bha iriosal aithreachail. Mar so tha Daibhidh, ’g radh na tionnsgain am breitheanas led’ sheirbhiseach, oir an ad’ làthair cha d’ theid neach ata beo fhìreanachadh. Air an doigh cheudna tha Job ag radh, tha fhios agam gur ann mar so gu firinneach ata, oir cionnus a bhios duine ceart am fianuis De? Ma ni e strìth ris, cha ’n urradh e freagradh a thoirt da airson aon am mìle; tha e glic an cridhe, ’s treun an neart, co riamh a chruadhaich e fein na aghaidh ’s a thug buaidh air? Bheir beachd soilleir do mhòrachd Dhe, do naomhachd a naduir, do leud, gloinne, agus nadur spioradeil a lagha an fhirinn so dh’ achaidh chum ar cridheachan, agus dearbhaidh ì cia truaillidh na creatuirean sinn. Bheir so oirn eughach maille re Job, feuch, ata mi truaillidh, creud a fhreagras mi? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul. Agus a-ris, chuala mi sgeul ort le èisdeachd na cluaise, ach a nis ata mo shuil gad fhaicinn. Uime sin, ’ta mi gabhail gràin dhiom fein, agus a’ deanamh aithreachais [TD 106²] ann an dus agus an luaith. Their gach fior-aithreachan maille re Daibhidh co is urrain a sheacharain a thuigsin? glan thusa mi o lochda diomhair. Bithidh eadhon ’na bheachd a chumail suas gach là, na theisteas air faighidin Dhe, nach ’eil ’ga sgrios a reir a thoilteanas. Maille re Solamh their e, is ann do thròcair an Tighearna, nach ’eil sinn air ar milleadh, do bhri nach fàillnich a thruacantais; tha iad gach madain nuadh dhuinn, ’s mòr, o Dhe, t-fhirinn. Ach chum a dhearbhadh air mhogh na ’s riachdaile, nach urrain sibh seasamh, guidheam ar n’aire do na tri nithe a leanas. Agus fiosraichibh air I. Cia lionmhor dleasdanas a leig sibh air dearmad, a bu chòir dhuibh a chur an gniomh. ’Nar n’ agairt ann an leigeil air dleasdanais air dearmad, ’s eigin toiseach le mì thaingealachd, agus an di-chuimhn’ air Dia. Cia truaillidh sam bith a choguis, no cia mòr ata i air a dalladh le leith-bhreith, gidheadh ’s eigin aidmheil, gu bheil gach neach an comain ùghdair a bhith fear-coimhid a bheatha [TD 107²] agus tobar a thiodhlacaibh? Ach an do mhothuich sibhse so? Ann an àite sin nach robh sibh neo-chuimhneachail air a charraig a ghin sibh, agus air an Dia a dhealbh sibh? ’Se so toiseach a pheacaidh, agus tobar farsuing gach peacadh eile. Bu tròm an agairt a thug Daniel an aghaidh Righ mòr, agus cha d’ thug thu glòir do’n Dia sin, aig am bheil t-anail ’na làimh, agus do’m buin do shlighidh gu leir. Se so an dearbhadh is riachdaile air truailleachd ar naduir, gu bheil daoine ni ’s mo a di-chuimhneachadh Dhe, mar is mo a tha e toirt dhoibh do nithe maith na beatha so; agus gu bheil an taingealachd na ’s lugha, mar is mugha maitheas De dhoibh. Ach tha ni ’mhàin an dream sin, aig am bheil an coguisean gu tùr nan cadal, a’ leigeil an dleasdanais air dearmad, ach mar an ceudna a mhuintir aig am bheil tuille eolais. Cia lionmhor dleasdanas a leig sibhse air dearmad? An do mhothuich, agus an do chuir sibh an ceill taingealachd air son tiodhlacaidh do-aireamh Dhe, araon talmhaidh agus spioradeil dhuibh fein, agus d’ ar teaghlaichean? Cia mòr am mughadh eidir ar taingealachd [TD 108²] agus ar commainean? Ciod am feum a rinn sibh do thiodhlacaibh Dhe ’na sheirbhis? Ciod am math a fhuair sibh o thoirbheartas a fhreasdail, o bhuillean a fhreasdail o òrduighean àoraidh o fhirinn an t-soisgeil o chothrum foghlum fhaotain, agus aoradh a thoirt, o dheadh eisiomplairidh o chomhairle chairdeil? Ciod a rinn sibh chum leas dhaoine eile? Cia tric a thug sibh lon do’n fheumach sòlas do’n bhrònach, eollas do’n ain-eolach, comhairle do’ n neo-churamach, agus a rinn sibh peanas air an dream a bha aingidh? Tha mi an dùil nach do leig sibhse air dearmad feum a dheanamh d’ar n’ aimsir agus d’ar talanna; gidheadh tha aobhar irioslicheadh aig an dream is fhearr do bhrì gun do chuir iad an dleasdanais air mhogh co neo-iomlan an gniomh. Mo thruaighe! a bhràithre ’s mòr mearrachd an dream sin a tha a’ saoilsin, nach ’eil mòr-chron am peacaidhean dearmaid. Cia mòr mealladh na ’m peacairean sin, a tha a’ saoilsin, nach ’eil e ceangailte orra seirbhis a thoirt do Dhia, agus a tha ga’n toilleachadh fein leis an leithsgeul bhochd so, [TD 109²] nach ’eil iad a deanamh cron do neach sam bith ach dhoibh fein. Eisdeadh an dream so le crith re ’m breith bhrònach air an là mhòr, tilgibh an seirbhiseach mi-tharbhach sin do dhorchadas iomallach: ann an sin bithidh gul agus giosgan fhiacall. Tha ’n dleasdanas so gun amharus reusanta, thugaibh do’n Tighearna a ghlòir, a bhuineas d’a ainm. Agus ’si so suim dleasdanais an t-soisgeil, cha leibh fein idir sibh, ach cheannachadh le luach sibh, uime sin thugaibh glòir do Dhia le’r cuirp, agus le’r spioraid a’s le Dia. II. Thugaibh fainear cia tric a bhrist sibh lagh Dhe, an lagh a chaidh a sgriobhabh air bhur cridheachan, agus a tha air a thaisbeanadh ’na fhocal. Mu’s aithne dhuibh farsuingeachd, agus nadur spioradeil an lagha so, ’s eigin dhuibh bhi deirbhte gu’n do bhrist sibh e gu minic ’nar smuaintidh, ’nar briathraibh, agus ’nar giùlan. Air I. Cia lionmhor peacaidh bhur smuain- [TD 110²] tidh! Tha ’m peacadh suidhichte ’sa chridhe; ’s ann an so a tha a righ-chaithir agus a Thighearnas. Tha gach ni aingidh, nar giùlan a’ sruthadh o aingidheachd a chridhe. Agus gach neach aig am bheil eolas air focal De, cha saoil gu bheil peacaidhean an cridhachan beag. Thugaibh fainear an sgèul a tha air a thoirt mu chionta an t-sean t-saoghail Gen. VI. 5. Agus chunnaic Dia gun robh aingidheachd an duine air an talamh mòr, agus gu’n robh breathnachadh smuaintidh a chridhe mhàin olc an comhnuidh. Thugaibh fainear an ni a tha ’n duine glic ag radh, gleidh do chridhe leis an uile dhichiol, oir as tha tobraichean na beatha. Thugaibh fainear an ni a tha ’m faigh ag radh an ainm Dhia, ’ta mise an Tighearna a’ rannsachadh a chridhe, ta mi dearbha nan airnean, eadhon chum a thoirt do gach neach reir a shlighe, agus a reir toradh a ghniomhara. Cia lionmhor smuaintidh a ghabh, agus a dh’ altrum sibh ’n ar cridheachan, eas-onorach do Dhia, neo-thaingeil airson a thiodhlacaidh, agus neo-fhoighidneach fui’ bhuille [TD 111²] a fhreasdail? Cia lionmhor smuaintidh farmadach, mi-rùnach a thaobh bhur bràithre? Cia lionmhor smuaintidh macnuiseach, agus tograidh mi laghail? Cia lionmhor smuaintidh sanntach saoghalta agus glòir mhiannach? Guidheam oirbh a thoirt fainear nach peacaidhean so da ’m bheil sinn gu h-ainmic, no le buaireadh àraidh ciontach, ach an àite sin tha sinn gach là agus uair ciontach do mhòran diu. Mu tha peacaidhean aon là, ma seadh co lionmhor, cia mòr cionta ar beatha gu h-iomlan? Cia math an reusan a th’ againn a radh maille ris an fhaigh cia fhad a ghabhas smuaintidh diomhain comhnuidh an taobh astigh dhinn? San II. Thugaibh fainear peacaidh ar briathra. Cha nè mo rùn ann an so mòran a radh, mu bhreugan, toibheum agus cùl-chaineadh; ged nach ’eil mòran a’ toirt fainear, gu bheil iad fein ciontach do na peacaidhean so, gidheadh tha iad ullamh ni ’s leòir gu radh, gu bheil iad coitchionn anns an t-saoghal. Ni mo a labhras mi mu bhriathra salach, ged [TD 112²] tha iad tuill’ is bi-chea ameasg dhaoine. Ach a thuill’ orra sin, tha peacaidhean eile na teanga co lionmhor, is nach urrain an Criosduigh is faicilliche a bhi gu tùr saor dhiu. Bha eadhon an duine macanta Maois air a bhuaireadh chum labhairt gu h-obann le bhilibh. Tha an t-Abstol Seumas air mhogh riachdail a’ cur an ceill araon cia cummante, agus cia ciurail peacaidhean na teangaidh III. 2—8. Agus chum nach saoil neach air bith, gu bheil cionta na ’m peacaidhean so beag, eisdibh re briathra Chriosd. Matha XII. 36, 37. III. Thugaibh fainear peacaidhean bhur giùlan. ’S iad so gach gniomh aingidh leis am bheil sinn gu h-àraidh a’ toirt oilbheum do Dhia; gach gniomh mi-mheasarra, leis am bheil sinn gar ciùradh fein, agus gach gniomh ea-corach, carrach, foirneartach, leis am bheil sinn a ciùradh ar bràithre. Thugamaid fainear na peacaidhean sin gus am bheil sinn air ar buaireadh le’r n’ obair àraidh, no le’r n’ aois agus rùn inntin, no [TD 113] e ’r staid, no leis a chommun sin, ris am bheil dàimh againn. Tha cuid ea-trom, agus cuid eile gruamach; tha ’n oige an luidhe re aimeadachd; foirfeachd aois re glòirmhiann agus sean aoìs re sannt. Tha na nithe so ni ’mhàin peacach, ach mar an ceudna gar fàgail sgaoilte do iomadh peacadh eile. A nis mu bheir sinn fainear na nithe so le cùram. ’S eigin aidmheil a reir focal De, gu bheil ar peacaidhean ni ’s mo ann an aireamh no fuilteine ar cinn, no eadhon gainneamh na tràighe. Fa dheoigh mu bheir sinn fainear ar peacaidhean a reir ar dàimh agus staid ’s an t-saoghal, mar fheara-posda, agus mar mhnàthan, mar pharanta agus mar chloinn, mar mhaighstirean agus mar sheirbhisich, mar uachdarain agus mar iochdarain, mar mhinisteirean agus mar phobul, chi sinn gu ’m bi an aireamh co-mhòr, a’s gur eigin dhuinn a radh maille re Daibhidh, “Ma chomharaicheas tusa aingideachd, a Thighearna; a Thighearna, co a sheasas.” III. Thugaibh fainear peacaidh ar nithe naomha. [TD 114] ’Seigin do’n fhear-aoraidh a ’s gloinne air talamh maitheanas iarruidh am peacaidhean a nithe naomha. Gun aire a thoirt do chealgoireachd, agus do eud fàlsail ann an aoradh, cia fad a tha sinn a’ teachd an deigh làimh, eadhon ’nuair a tha sinn a’ toirt aoirrip ar dleasdanas a chur an gniomh le caileigin do threimh-dhireas. O cia neo-chùramach, cia fuar sinn ann an aoradh Dhe! Cia lionmhor smuaintidh luaineach, diomhain agus saoghalta, a tha ’nar cridheachan, ’nuair a tha ar cuirp an tigh Dhe! Mu bheir sinn fainear glòir agus mòrachd Dhe, a tha cur aimeadachd, eadhon, a leith a naomh; an urrain sinn a radh gu’n d’ rinn sinn riamh ùrnaigh leis an urram spioraid bu chòir! Mu bheir sinn fainear irioslachd do labhairt De ann an gabhail suim d’a chreutairean, agus saibhreas do rannsachaidh a ghràis do pheacairean, an urrain sinn a radh, gu’n do mhothuich ar cridheachan riamh a ghràdh mar bu chòir. Cia h-ainmic a dh’eisd sinn leis an aire, leis an urram, agus leis a ghràdh sin bu chòir re soisgeul na sìth! Cia h-ainmic a chuir sinn ann an gniomh ar dleasdanais d’ar brài- [TD 115] thre, o ghràdh do Dhia, agus o sheirc do dhaoine! Cia tric a bha sinn cothromach o eagal di’-meas! Cia tric a phàigh sinn ar n’ ainmheach o eagal ar creideas a chall. Cia tric a bha sinn seirceil, fial o dheigh air cliu! Cia tric cairdeil o eagal droch ainm! Cia tric macanta o eagal gun duisgeadh ar n’ uabhar agus ar n’ ardan corruich dhaoine! Ma rannsaicheas sinn ar giùlan mar is cubhaidh, ’s eigin dhuinn gu leir aidmheil, gu bheil ar fireantachd a’m fianais De mar luideaga salach. Uime sinn, n’ àite duais iarruidh airson ar n’ oibre, ’s eigin maitheanas annta; n’ àite beachdachadh air ar toilteanas fein, ’s eigin air tròcair Dhe ’mhàin, mar bhun-steidh ar dochais. Mar so thug mi aoirrip briathra Dhaibhidh araon a mhìneachadh, agus a dhaighneachadh. Tha mi anis a’ dol air m’ aghaidh ’san III. Chum foghnàdh a dheanamh. Agus air I. Cia mòr mealtaireachd a pheacaidh? Cia iongantach doille inntin pheacairean? Cia so-dheanamh an ni aire a thoirt do na [TD 116] peacaidhean a dh’ ainmich sinn! Peacaidhean dearmaid, agus deanadais; peacaidhean an smuainte, am briathra, an gniomhara, an aghaidh Dhe, an aghaidh dhaoine, agus ’nar n’ aghaidh fein. Gidheadh mo thruaighe! cia lionmhor iad a tha ain-eolach do na peacaidhean da ’m bheil iad ciontach, agus a tha uime sin a’ codal gu ciùin! Smuaintichibh, a bhràithre, an tràth air ar staid. Se eolas air ar cunnart an ceud cheum chum saorsa. Nach ’eil lagh Dhe scriobhte air oibre gu leir? Nach ’eil e scriobhte air ar coguisean? Nach ’eil è air a chur an cuimhne dhuibh gu minic le giùlan a fhreasdail? An d’ thigeadh coi’-lion breitheanas o Dhia, mar bitheadh mòran do lochdaibh air talamh? Tha gach olc nadurail a’ cur an ceill peacadh an duine. Tha droch aimsir, tha saoghal aingidh, tha corp breòite, uile a’ nochdadh dhuinn ar staid pheacach. Agus gidheadh, cia dall am peacair do ’n t-sealladh, cia boghar do ’n rabhadh, cia neo-chùramach mùn d’ fheuchain ata re teachd! Mosglaibh, tha mi guidhe, fhad ’sa tha sìth re fhaotain, agus beachdaichibh air bhur cunnart, fhad ’sa tha cothrum agaibh teicheadh uaithe. ’San [TD 117] II. Mar urrain an dream a ’s naomha seasamh am fianuis De, mar urrain feoil sam bith a bhi air fhireanachadh ’na làthair, cia eagalach staid na ’n daoine sinn, a tha ciontach do pheacaidhean mòra, air an antromachadh air iomadh doigh, agus air an cur gu minic an gniomh! Tha ’n dream so air uairibh a’ treigsin seirbhis De, an t-eagal gun duisg an coguisean ’nan aghaidh; ach ma tha a h-aon diu a làthair guidheam car tamuil an aire. An robh a h-aon agaibh ciontach do striopachas, adhaltranas, murta, mionnan, misg’ breugan, gaduidheachd; smuaintichibh le crith air na chuala sibh! Eisdibh air sgàth ar n’ anama, eisdibh air sgà siorruigheachd, eisdibh air sgà Criosd. O gu ’n d’ thugadh spiorad De an fhirinn dhachaidh chum bhur cridheachan, agus gu’n deanadh se i, beo agus cumhachdach, agus ni’s gèire no claidheamh da fhaoibhair. ’S furasda dhuibh anis na peacaidhean sinn a cheiltin air an deanadh daoine peanas, agus eadhon uaill a dheanamh as na peacaidhean sin, a ’s eigin do dhaoine a ghiùlan; ach eisdibh agus cuimhnichibh an da earran a leanas do fhocal De. Ata na n-uile nithe lomnochd agus [TD 118] fosgailte do shùilibh an ti ris am bheil againne gnothuch. Agus a-ris, is ni eagalach e tuiteam an làmhaibh an De bheo. ’San III. Ma se rùn Criosduigh sam bith a choguis a ghleidheadh maoth agus firinneach; ma se a rùn mothuchadh domhain a bhi aige d’ a chionta; ma se a rùn an dorus a dhruideadh an aghaidh uabhair, no fhogradh ma tha e air teachd asteach; ma se a rùn imeachd gu h-iriosal agus faicilleach, ’s còir ar beatha a chaitheamh mar ann am fianuis De, ’s còir sinn fein a shuidheachadh gu minic mar ann an làthair a chaithir-bhreitheanais. Is furasda an ni sinn fein fhireanachadh am fianuis dhaoine, nach urrain ach beag iarraidh, agus o ’m feud sinn mòran a cheiltin. Ach ’s cuidthromaiche agus ’s dorra gu mòr amharc suas chum an Dia sinn, a tha na shuidhe air righ-chaithir a naomhachd. Tha esan a rannsachadh nan airnean, agus a chridhe; tha ’n t-olc gràineil ’na bheachd. Mar so ’nuair a dh’ agair a chàirdean Job dhion se e fein gu dùineil, chum e ionracas gu daingean, agus cha do leig e uaithe e; ach co luath sa labhair Dia am meud a chumh- [TD 119] achd air ball dh’ aidich e a ghràinealachd, agus chuir e a làmh air a bhilibh. Air an doigh cheudna, an neach leis am miann a bhi faicilleach an aghaidh ceilg a chridhe miodal a chairdean, agus buaireadh an t-saoghal, caitheadh e a bheatha do ghnàth, mar ann am fianuis an De bheo. [TD 120] SEARMOIN VII. EABHR. IV. 16. Thigeamaid uime sin le danachd gu righ-chaithir nan gras, chum gu faigh sinn trocair, agus gu’n amais sinn air gras chum cobhair ann an am feuma. ’S iomadh cuireadh càirdeil, agus earrail dhian, a tha Dia ’na fhreasdal, agus gu h-àraidh ’na fhocal a’ toirt dhuinn teachd gun dàil ’na ionnsuidh fein. Cuireadh is cairdeile, agus comhairle is fhearr, cha d’ fhuair sinn riamh, agus cha ’n fhuigh gu brath air talamh no am briathraibh steidh mo theagaisg. Am bheil cuireadh chum biadh a ghabhail, a’ toirt sòlas do ’n duine ocrach; am bheil chum deoch fhaotain do’n neach a tha paiteach; am bheil chum fois a mhealtuin, do ’n [TD 121] dream a tha sgìth; am bheil chum slàinte a shealbhachadh dhoibh-sin a tha tinn; ’s mugha gu mòr an sòlas is còir dha a thoirt dhuinne, gu bheil sinn a’ faotain cuirreadh teachd an ionnsuidh Dhe, chum ’s gu ’m fuigh sinn tròcair agus gràs uaithe. Tròcair fhaotain, ’se so ar saorsa o dhiteadh, ar dionadh o sgrios; gràs fhaotain, ’se so ar naomhachadh air talamh, agus ar n’ ulluchadh fa chomhair neamh. Teachd chum Dhe, ’se so ar dleasdanas ar sochair ar sonas; teachd chum tròcair agus gràs fhaotain, ’si so ar n’ obair àraidh air talamh. Air gach àm, ’s còir dhuinn an cuirreadh so a ghabhail, an obair so a dheanamh, an dleasdanas so a chuir an gniomh, tròcair agus gras De iarruidh le dùrachd. ’S còir dhuinn so a dheanamh gu h-àraidh air an àm, ma se ar rùn comh-dhàil shòlasach a chumail re Criosd aig a bhord. Buidheachas gu’n robh do Dhia, gu bheil an cuirreadh so againn, glacamaid i gu toileach taingeil. Gar stiùradh san obair so, le coghnadh Dhe, fiosraicheamaid air I. Ciod is còir dhuinn a dheanamh. [TD 122] Gach dleasdanas, a tha Dia ’g aithne da phobull, tha e gu soilleir a’ cur an ceill. Tha ’r dleasdanas àraidh air an àm, air fhoillseachadh gu riachdail ’nar steidh teagasg. Agus air 1. Tha e air àithne dhuinn teachd. Tha so a’ cur an cuimhne dhuinn, gu bheil sinn do thaobh naduir, agus trìd a pheacaidh air seacharan o Dhia, agus o fhior-shonas. Chum sonas fhaotain, ’s eigin dhuinn pilltin o ’n pheacadh, agus teachd air ar n’ais a dh’ionnsuidh Dhe. ’Nuair a tha ar cuirp an aon àite, tha iad air an sgaradh o àite eile; agus chum an toirt a dh’ionnsuidh an àite, o ’m bheil iad air an sgaradh, tha e feumeil dhuinn gluasachd, no imeachd air mhogh àraidh. Ceart mar so, ’nuair a tha cumhachda agus aigneidh ar n’ anama suidhichte air cuspairean peacach talmhaidh, gan sgaradh o ’n pheacadh ga ’n toirt chum Dhe, ’s eigin d’ar n’ anama gluasachd o ’n aon, chum an aon eile. Tha eolas spioradail a’ toirt Dhia, agus a ghràis ’nar beachd, tha creidimh slàinteil a’ gabhail greim do’n t-sealladh [TD 123] so, tha fior-ghràdh gar toirt a dh’ionnsuidh Chriosd, agus a’ dlu-cheangal ar n’ anama ris. Tha Dia a’ toirt dhuinn a ghràis agus a spioraid, chum na gràsa so oibreachadh annain, agus ar toirt d’a ionnsuidh fein. Le coghnadh Dhe, duisgibh ar n’ anama, le eolas creidimh agus gràdh, dluthuichibh ris, agus thigibh d’a ionnsuidh. Tha e air àithne dhuinn ’san 2. Teachd gu righ-chaithir nan gràs. Mar is còir dhuinn, feitheamh air Dia, agus teachd d’a ionnsuidh, ’s còir gu h-àraidh far am bheil e ga nochdadh fein gu cairdeil dhuinn. Tha Dia le làthaireachd a’ lionadh gach àite, cha n’ urrain eadhon neamh nan neamh a chumail. Tha e ga h-àraidh an neamh na shuidhe air a righ-chaithir, mar athair, mar uachdaran, agus mar bhreitheamh an domhain gu leir. ’Nuair a pheacaich sinn an aghaidh Dhe, agus a bha sinn gun fhear-saoraidh a dhioladh ar cionta, nan d’ thigeamaid gu righ-chaithir ceartais De, cha b’ urrain dùil a bhi againn re ni sam bith, ach diteadh agus peanas. Ach buidheachas da ainm sheas ar slànuighear suas air ar son, [TD 124] phàigh e ar n’ ainmheach, dhiol e ar cionta, choisin e slàinte iomlan da phobull. An lorg dha-san a shlàinte a chriochnachadh, shuidh an t-athair air cathair nan gràs chum buntain gu cairdeil re dheisciobuil. Tha àite-tàmh air ainmeach cathair, chum a mhoralachd a chur an ceill; tha righ-cathair, chum a nochdadh gu bheil e a’ toirt a thiodhlacaibh gu fial agus pailt, agus righ-chathair nan gràs, do bhrìgh gu bheil e gan toirt gu saor. O na tha mòr-fheum againne air tiodhlacaibh Dhe, o nach urrain sinn an toilltin, no an cosnadh, ’sann gu righ-cathair nan gràs is còir dhuinn teachd, ma se bhur run soirbheas fhaotain. Thigibh ma seadh a dh’ ionnsuidh Dhe, thigibh gu righ-chathair nan gràs, cuiribh ar n’ uireasuibh an ceill, agus bithibh taingeil gu bheil an comas agaibh. Fiosraicheamid anis ’san II. Cionnas is còir dhuinn teachd. Tha e air àithne dhuinn ’nar steidh-teagaisg, teachd le dànachd gu righ-chathair nan gràs. Tha da sheorsa do dhànachd ann, dànachd dhiadhaidh, agus dànachd pheacach. [TD 125] Tha dànachd pheacairean air a dheanamh ’suas do uabhar, do fhein-speis, do fhein-earbsa, cruas-cridhe, do ain-eolas air Dia, agus do aimeadachd. Tha ’n dànachd so gràineil am beachd Dhe, cha d’ thoir e sinn gu bràth d’a ionnsuidh, cha n’ fhuigh sinn leatha tiodhlacaibh spioradail uaithe. Tha dànachd dhiadhaidh a-ris air a dheanamh suas do eolas air tròcair agus maitheas Dhe, do chreidimh ann an iobairt iomlan Chriosd do dhearbh-bheachd da chairdeas, agus do làn-earbsa ann an Dia, gu’ n d’ thoir e tròcair agus gràs dhuinn. Tha an dànachd so a’ fogradh as ar n’ inntin eagal tràillidh, dì-misnich agus agairt coguis; tha e ga lionadh le urram agus eagal cloinne Dhe, tha e gar stiùradh chum eughach ris, Abba Athair. Tha ’n dànachd so ghnàth aig an dream sin, a tha deirbhte gu bheil Dia tròcaireach, grasmhor; no a bhlais gu bheil Criosd cairdeil math. B’ ann leis an dànachd so a chleachd Jacob o shean ris an aingeal, agus a fhuair e beannachadh uaithe. B’ ann leis an dànachd so, a bha a Bhaintreach ’san t-soisgeul dian sheasmhach, agus foighidneach na h-athchuinge re Criosd, agus [TD 126] leis an d’ fhuair i fa dheoigh soirbheas. B’ ann leis an dànachd so, a ghlaodh Pol na theinn tri uairean re Dia, agus a fhuair e gràs agus neart uaithe. Si ’n dànachd dhiadhaidh so a bheir misneach d’ar n’ inntin, dùrachd d’ar cridheachan, an iarraidh Dhe, agus a thogas suas ar n’ anama, le tograidh dian, agus le lan-earbsa chum caithir nan gràs. Ma se ar rùn onoir a thoirt do Dhia, agus soirbheas fhaotain ann an obair ar n’ anama, ’s còir dhuinn an dànachd so altrum le cùram. Ach fiosraicheamid anis ’san III. C’ arson is còir dhuinn teachd gu caithir nan gràs. Is math an ni dlùthachadh re Dia, ’s math teachd gu caithir nan gràs; ach ma se ar rùn soirbheas fhaotain, ’s còir fios a bhi againn air ar gnothuch araidh. Tha ar gnothuch chum caithir nan gràs air a chur an ceill ’nar steidh-teagaisg, ’s còir dhuinn teachd chum ’s gu ’m faigh sinn tròcair agus gun ruig sinn air gràs, agus gu’n dean sinn so chum cobhair ann an àm ar feime. [TD 127] Guidheam bhur ’n aire do na nithe so fa leith. Agus air 1. ’S còir dhuinn teachd chum ’s gu’m faigh sinn tròcair. Do chreatair ciontach aingidh, air a dhìteadh gu cothromach, air a chlaoidh le eagal, air agairt gu geur le choguis, agus buailteach do sgrios, ’s mòr feum agus luach tròcair. ’S ann le tròcair Dhe, a tha sinn air ar deanamh rèidh ris trìd an t-slanuighear, a tha ar peacaidhean air an duthadh as, a tha e gabhail ruinn mar a chairdean, agus a builleachadh nithe feumail oirn. Tha feum againn ar tròcair Dhe, ni ’mhàin gar fireanachadh air tùs, ach mar an ceudna chum na peacaidhean sin a dhuthadh as o àm gu h-àm, da’m bheil sinn gach là ciontach, agus chum mothuchadh air maitheanas a thoirt dhuinn. Gun tròcair Dhe, tha ar staid cunnartach, brònach, bochd anis, agus bithidh i truagh gu siorruidh. ’S ann ann àm ar feime ’mhàin a mhothuicheas sinn luach na tròcair so. ’Nuair a chunnaic Belshasar an lamh-scriobhaidh air a bhalla, mar [TD 128] chomhara gu’ n robh sgrios a dlùthachadh ris; ’nuair a bhuaill a choguis gu goirt Judas, agus a chunnaic e a chunnart, bheireadh iad le cheile mile saoghal airson tròcair Dhe. ’Nuair a bha Balac righ Mhoab, air a chlaoidh le eagal, o mhothuchadh air a chionta, thairg e gu toileach airson tròcair Dhe, mile do mhilte reidhe, no deich mile do aimhnichean olaidh no eadhon a cheud-ghin mhic. Cosmhuil riusan tha sinne ciontach, tha mòr fheum againne air tròcair; as eugmhais so tha sinn caillte. Buidheachas do Dhia, gu bheil e na shuidhe air caithir nan gràs, gu bheil slighe nuadh agus bheo, air a coisreagadh na ionnsuidh, agus gu bheil comas againne teachd, chum ’s gu ’m fuigh sinn tròcair. Thigeamaid ma seadh le aigneidh a phobuill, le creidimh, le aithreachas, agus le earbsa, chum ’s gu ’m fuigh sinn an ni sin a tha co fheumail dhuinn, eadhon tròcair Dhe a dhuthadh amach ar peacaidhean, agus a thoirt teisteas dhuinn air a chairdeas. Ach ’s còir dhuinn teachd san 2. Chum ’s gu ’n ruig sinn air a ghràs. [TD 129] ’Se gràs, càirdeas De trìd an t-slànuighear, agus ’se so a tha soillseachadh ar n’ inntin a’ naomhachadh ar cridheachan, a’ neartachadh ar n’ anama, g’ar deanamh tarbhach ann an deadh oibre, agus g’ar n’ ulluchadh fa chomhair neamh. Tha ’m faigh Isaiah a’ teagasg gu bheil ar n’ aingidheachd gar sgaradh o Dhia, agus o ghràs, agus gu bheil ar peacaidhean a’ folach a ghnuis uainn. Trìd Chriosd mar ar slighe le coghnadh agus stiuradh an spioraid, ’s eigin dhuinn teachd air ar nais o shligh e a pheacaidh a chuid a chuid an ionnsuidh Dhe, gus an ruig sinn air a ghràs. Tha Dia le thròcair gar dusgadh o chodal a pheacaidh, agus gar deanamh rèidh ris fein; tha e nochdadh, agus a tairgse a ghràis, chum togradh ar n’ anama a tharruing amach na dheigh, agus gu misneach a thoirt dhuinn feitheamh air Dia na òrduighean chum greim fhaotain dheth. Tha gràs De feumail, ni ’mhàin g’ ar soillseachadh, g’ ar n’ iompuchadh, g’ ar naomhachadh, agus g’ ar neartachadh air tùs; ach mar an ceudna an deigh laimh chum solus, sòlas agus neart a thoirt dhuinn, anns gach dleasdanas, trioblaid agus buaireadh. Mar so ged a fhuair [TD 130] Peadar air tùs gràs, gidheadh ’nuair a dh’iarr Satan a chriaradh mar chruithneachd, rinn Criosd ùrnuigh air a shon, agus thug e gràs a’s ùr dha. Agus ged a fhuair Pol gràs gu pailt, gidheadh ’nuair a bhuair teachdaire Shàtain e, bha feum aige air tuille do ghràs Dhe fhaotain, ghuidh e so le dùrachd, agus fhuair e araon gràs agus neart. Air gach àm tha mòr-fheum againne air gràs De, g’ ar stiuradh, g’ ar neartachadh agus g’ ar dionadh. ’S còir dhuinn ma seadh, gu h-ullamh earbsach agus taingeil, dol gu caithir nan gràs, trìd an t-slànuighear, chum ’s gu ’n ruig sinn air a ghràs so, a tha co luachmhor, agus co fheumail dhuinn. Ach ’s còir dhuinn ni ’mhàin dol chum caithir nan gràs tròcair agus gràs iarraidh, ach ’s còir dol gu h-àraidh ’san 3. Chum cobhair ann an àm ar feime. ’Nuair a tha sinn a’ toirt oilbheum do Dhia, no gar truailleadh fein le peacadh àraidh; ’nuair a tha ar dleasdanais tuille ’s duilich, ar naimhde tuille ’s laidir, agus ar [TD 131] trioblaide tuille ’s tròm air ar son, ’se so àm ar feime, ’s còir dhuinn le dùrachd cobhair iarruidh. ’Nuair a tha sinn a’ tuiteam am peacadh sam bith, se maitheanas a chobhair a tha feumail dhuinn, agus chum na criche so ’s còir dhuinn tròcair iarraidh. ’Nuair a tha sinn truaillidh làg no brònach, ’se gràs De a chobhair a tha coi-fhreagradh re ’r staid, agus is còir dhuinn so a ghuidhe gu dian. Chum cobhair gu ceart a dheanamh oirn an àm ar feime, tha cuibhrionn àraidh do ghràs De feumail, ’nuair a tha dleasdanais chruaidh againn re chur an gniomh, a tha gar n’ ulluchadh chum feitheamh air Criosd, aig a bhòrd, tha ann an àm buaireadh, ann an là trioblaid agus aig uair a bhàis. Air na h-amanaibh so, ’s còir dhuinn an gràs sin iarruidh, a tha feumail dhuinn, agus a’ coi’-fhreagradh re ’r staid. Air an àm so, ’s còir dhuinn gràs iarruidh, chum ar nadur a ghlanadh, ar n’ aithreachas a dheanamh na ’s doimhne ar creidimh a neartachadh ar gràdh a lassadh suas ar n’ ulluchadh chum co-dhàil a chumail re Criosd agus ar deanamh an deigh làimh umhal, tairis dha. ’S iad so ar dleasdanais àraidh, [TD 132] teachd le dànachd chum caithir nan gràs, chum ’s gum fuigh sinn tròcair agus gràs, agus gum fuigh sinn so chum cobhair ann an àm ar feime. G’ ar bròsnachadh chum na nithe so a dheanamh, fiosraicheamid ’sa IV. Ciod a mhisneach a tha Dia a’ toirt dhuinn teachd mar so d’a ionnsuidh. Cha ’n ’eil Dia a’ gairm neach sam bith chum cogaidh air a chostas fein. O na tha phobull ain-eolach annta fein, tha e ga ’n teagasg, agus o na tha iad anmhunn, tha e ga ’n neartachadh; tha e cuideachd a’ cur an ceill nan nithe sin a tha coi-fhreagairt chum misneach a thoirt dhoibh, chum an stiuradh agus am bròsnachadh na shlighe. ’S na rannaibh roimh ar steidh teagaisg, tha ’n t-Abstol againmeach nithe ’s còir misneach a thoirt dhuinn ann an teachd a dh’ ionnsuidh Dhe. Agus air 1. Tha àrd-shagairt mòr againn. ’Nuair a tha ’n t-Abstol ag innseadh, gu bheil Dia na shuidhe air righ-chaithir nan [TD 133] gràs, is còir da so fa leith misneach a thoirt dhuinn teachd d’a ionnsuidh. Ach chum an tuille misnich a thoirt dhuinn, tha e mar an ceudna air innseadh, gu bheil àrd-shagart mòr againn, eadhon Iosa mac Dhe. O na tha sinn truaillidh, cha n’ urrain sinn teachd dhinn fein chum Dhe; agus o na tha sinn ciontach, cha n’ urrain sinn teachd gun charaid, a dh’ ofraileas iobairt a dh’ iolas ar cionta, agus a ni sinn rèidh re Dia. Chum cionta a phobuill a dhioladh, agus an rèite a dheanamh suas re Dia, bha na h-àird-shagairt o shean ag ofrail na ’n iobairtean a bha esan ag àithne. Chum ar ciontaidh-ne a thoirt air salbh, agus ar deanamh ’nar cairdean do Dhia, tha àrd-shagart mar tha Iosa, slànuighear an t-saoghail, tha mac an De bheo. Dh’ ofrail Criosd e fein mar iobairt, bha an iobairt iomlan, bha làn-thaitneach do Dhia, dhiol i ar cionta, choisin e leatha tròcair agus gràs. Anis o na tha Dia na shuidhe air caithir nan gràs, agus o na tha àrd-shagart mòr againn, a tha toirt fainear ar leas, agus a’ guidhe air ar son, feudaidh pobull Chriosd, a bhi deirbhte, gu’m fuigh iad tròcair agus [TD 134] gràs, agus gach tiodhlacadh eile a tha feumail dhoibh. Anns an 2. Chaidh ar n’ àrd-shagart a steach do na neamhaidh. Tha ’n t-Abstol Pol a’ teagasg dhuinn, gu ’n d’ fhuiling Criosd; ni ’mhain airson ar n’ eas-aontais ach gu ’n d’ eirich e suas a-ris airson ar fireanachaidh. Ann an lorg obair a chriochnachadh, dh’ eirich e o na mairbh, chaidh e do neamh, shuidh e aig deis làimh an athar, fhuair e seilbh air glòir. Chaidh e do na neamhaidh chum àite-comhnuidh ulluchadh do phobull, chum na tiodhlacaibh a choisin e a bhuilleachadh orra, agus chum an spiorad a chuir anuas. Tha dol Chriosd do na neamhaidh gu riachdail a’ dearbhadh gu’n robh an t-athair làn-thoillichte leis, gu ’n do choisin e slàinte iomlan d’a phobull; agus tha bhi an neamh a’ dearbha, gu bheil e ghnàth a’ toirt fainear ar leas, agus ullamh gu slàinte a thoirt dhuinn. Tha ’n t-Abstol Pol a’ co-dhunadh, gu bheil Criosd comasach ar tearnadh chum na cuid is fhaide, do bhrigh gu bheil e beo gu siorruidh gu eidir ghuidhe a [TD 135] dheanamh air ar son. Ciod tuille is urrain sinn iarruidh, gu misneach a thoirt dhuinn dol chum caithir nan gràs? Tha againn Athair cairdeil caomh, air a dheanamh rèidh ruinn ann an Criosd; tha againn slànuighear a dhiol ar cionta, a choisin dhuinn slainte, a chaidh do na neamhaidh, a tha toirt fainear ar leas, agus a ghnàth a’ deanamh eidir-ghuidh e air ar son. Tha againn ann an so gach ni is urrain sinn iarraidh, chum a dhearbhadh gu’m fuigh pobull Chriosd, tròcair, gràs agus gach tiodhlacadh eile a tha feumail dhoibh. Ach a-ris ’san 3. Tha co’-fhulangas aig Criosd re ’r n’ anmhuinneachd. ’Se ’n caraid sin, da ’n aithne ar staid, as mugha ghnà a ghabhas truas ruinn, agus is ullamh a bheir coghnadh dhuinn. Mar dhearbhadh ma seadh gu bheil Criosd do ghnàth ullamh gu cobhair a dheanamh oirn, tha sinn a leughadh, gu’n do ghabh se air ar nadur, gu ’n robh e ’nar staid, gu’n d’ fhuiling e buaireadh, agus gu’n robh e anns na h-uile nithe cosmhuil re bhraithre. ’S aithne dha san gu [TD 136] math ar nadur, ar staid, ar n’ anmhuinneachd, ar n’ uireasuibh; gach namhaid a tha toirt ionnsuidh oirn, gach buaireadh da ’m bheil sinn buailteach, gach dleasdanas a th’ againn re chur an gniomh, agus gach trioblaid a tha teachd ’nar caradh. Agus mar is aithne dha ar staid, tha aige, mar ar caraid, co’-fhulangas ruinn do ghnàth, agus tha so ga’ bhròsnachadh, chum cobhair a dheanamh oirn, chum tiodhlacaidh feumail a thoirt dhuinn. Tha eolas air ar staid, tha cho’-fhulangas ruinn a’ deanamh a chridhe farsuing, blàth, a chùram mòr, agus a làmh do ghnàth sinnte ga ’r stiuradh, ga ’r dionadh, agus ga ’r beannachadh! ’Solasach gu’n amharus staid deisciobuil Chriosd, tha ’n t-athair na shuidhe air caithir nan gràs, ullamh chum gabhail riu; tha Iosa, an àrd-shagart, a dhiol an cionta, air dol a steach do na neamhaidh oir an son, chum an leas a thoirt fainear, agus tha co’-fhulangas aige re ’n anmhuinneachd. Ma thig iad, ma seadh an diugh le dànachd dhiadhaidh gu righ-caithir na ’n gràs, gheibh iad gu cinnteach tròcair agus gràs, neart agus sòlas, agus gach ni eile a tha feumail dhoibh. [TD 137] Air dhuinn mar so briathra ar steidh-teagaisg a mhìneachadh, agus a nochdadh ciod a mhisneach a tha Criosd a’ toirt dhuinn teachd a dh’ ionnsuidh Dhe. Guidheam air peacairean aire a thoirt do na nithe so. Tha anama reusanta, neo-bhàsmhor agaibhse, tha iad air an lotadh gu tròm leis a pheacadh, tha mòr-fheum aca air tròcair agus gràs. Ach mo thruaighe, ged a tha sibh ciontach truaillidh, tha sibh a’ leigeil air dearmad o àm gu h-àm, teachd chum caithir nan gràs, a dh’ iarraidh tròcair agus gràs o Dhia. An e ar rùn bàsachadh ’nar peacaidhean, agus truaighe shiorruidh fhulang? Mur e ar rùn gun tachair so, na cailleadh là nan gràs, na cuiribh dàil ann an obair bhur n’ anama. Le bhi tuille is anmoch, chaidh an dorus a dhùnadh an aghaidh na ’m maighdeanna aimeadach; le dàil a chur chaill Felix sonas siorruidh. Air ghaol Dia, agus bhur n’ anama fein, ruigibh caithir nan gràs air ball, agus ’nuair a gheibh sibh tròcair agus gràs, gabhaidh Criosd ruibh aig a bhòrd, agus nochdaidh e a chairdeas dhuibh. Do fhior-dheisciobuill Chriosd, òg agus [TD 138] sean, làg agus laidir ann an creidimh, ’s còir do bhriathra ar steidh-teagaisg mòr-mhisneach, agus sòlas cridhe a thoirt. An e bhur rùn sa an diu dlùthachadh re Dia, feitheamh air Criosd, tròcair agus gràs, neart agus sòlas iarruidh le dùrachd? Feuch tha bhur n’ athair neamhaidh na shuidhe air caithir nan gràs, ullamh gu thiodhlacaibh a thoirt dhuibh. Feuch, ata Iosa bhur n’ àrd-shagart mòr, a dhiol bhur cionta, anis anns na neamhaidh, a’ toirt fainear bhur leas, a’ deanamh eidir-ghuidhe air bhur son, agus a’ co’-fhulang maille ruibh anns gach trioblaid agus teinn. Ge be ciod bhur staid, ’s urrain esan a deanamh sòlasach; ge be ciod bhur n’ uireasuibh, ’s urrain esan an deanamh suas; ge be ciod a tha a dhith oirbh, tha esan toileach am builleachadh oirbh. Thigibh ma seadh, le dànachd dhachaidh, thigibh chum righ-chaithir nan gràs, agus bòrd Chriosd, le urram agus eagal cloinne Dhe, le taingealachd agus làn-earbsa, agus gheibh sibh tròcair agus gràs, neart agus sòlas. Thigibh le aigneidh cloinne Dhe, cuairtichibh altair Chriosd, le creidimh, le bròn agus le gràdh. Feuch ata na h-uile [TD 139] nithe ullamh, thigibh le cridheachan fosgailte, le làn-earbsa, agus nochdaidh Dia dhuibh a chairdeas, buillichidh se a thiodhlacaibh gu pailt oirbh. Gun deonaiche Dia so do gach h-aon againn, agus dha-san gun robh a ghlòir. [TD 140] SEARMOIN VIII. ROMH. XIV. 8. Oir ma ’s beo dhuinn, is ann do’n Tighearn a tha sinn beo: agus ma ’s bas duinn, is ann do’n Tighearn a tha sinn a’ basachadh: uime sin ma ’s beatha no bas dhuinn, is leis an Tighearn sinn. Anns an rann an lorg ar steidh teagaisg, tha an t-Abstol a’ cur an ceill, co e an Tighearna, mù bheil e a’ labhairt anns na briathraibh so. Chum na criche so, ars’ esan, fhuair Criosd bàs, agus dh’ eirich è, agus dh’ ath-bheothaicheadh è, chum gum bitheadh è ’na Thighearna air na beothaibh, agus air na marbhaibh. ’S esan an righ a shuidhich Dia air a shliabh naomha Sion, agus a dh’ orduich è chum a bhi na cheann as gach uile [TD 141] nithe d’a Eaglais. Oir mar a tha an t-Abstol so fein a’ scriobhadh chum na ’m Philippianach, mu ìsleachadh agus mu umhlachd gu bàs, eadhon bàs na croiche, air an aobhar sin, ars’ esan, dh’ àrdaich Dia e gu ro-àrd, agus thug se dha ainm oscionn gach uile ainm, chum do ainm Iosa, gu’n lùbadh gach uile ghlùn do nithibh ata air talamh, agus do nithibh, ata fui ’n talamh; agus gu’n aidicheadh gach teanga gur e Iosa Criosd an Tighearna, chum glòir Dhe an Athar. Tha sinn uile a’ cur an ceill gu bheil sinn a’ creidsin na firinn so, tha eadhon ar n’ ainm a’ ciallachadh gu bheil sinn ag aidmheil Chriosd mar ar maighistir. Ach ’se ’n ni sin a mhàin, mu bheil an t-Abstol a’ labhairt ’nar steidh-teagaisg a dhearbhas so gu soilleir, cinnteach; ann an sinn tha neach da ’m b’ aithne gu math, ciod is brigh do Criosduigheachd, mar so a’ labhairt ann an ainm gach uile fhior-chreidmhich; Oir ma ’s beo dhuinn, is ann do’n Tighearn a tha sinn beo: agus ma’s bàs duinn, is ann do’n Tighearn a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin ma ’s beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearn sinn. Ann an labhairt o na briathraibh so, ’se mo rùn, [TD 142] le coghnadh Dhe fhiosrachadh air I. Ciod e a bhi beo do’n Tighearna. ’San II. So a ghnàthachadh mar thomhas no riaghailt, g’ ar cuideachadh chum breith a’ thoirt air ar staid spioradail fein. Agus fiosraicheamid air I. Ciod e bhi beo do’n Tighearna. Tha na nithe a leanas gu soilleir fillte an so. Air 1. Gu bheil sinn a’ deanamh fèum da thoil. mar riaghailt stiuraidh ar giùlain. Thaic Dia ruinn talanna àraidh, agus tha e ’g àithne dhuinn am fèum is fhearr is urrain sinn a dheanamh dhiu, chum na criche sin gus an deachadh am builleachadh oirn. Is sinn a sheirbhisich, agus tha obair againn r’a dheanamh, do’n èigin dhuinn cunntas a thoirt dha-san fa dheoigh. Cha ’n ’eil e air fhagail g’ ar toil fein, ciod an t-serbhis a chuireas sinn an gniomh, ach ’s eigin dhuinn [TD 143] air sin chum seoladh fhaotain, ag radh maille re Pol, ’nuair a thuit e gu làr, a Thighearna, ciod is aill leat mi a dheanamh. Agus cha leòir e, gu bheil sinn a’ deanamh nan nithe sin a tha Dia ’g àithne, m’ ar ’eil sinn ga ’n deanamh do bhrì gu bheil e ga ’n àithne. Tha aitheanta Dhe a’ coi-fhreagradh a chum leas dhaoine fa leith, co mhath ’s gach commun a chur air aghaidh, as gu bheil an dream sin a tha eas-umhal am mòran, air an sgàth fein a’ toirt umhlachd an cuid do nithibh. Ach cha ne so bhi beo do’n Tighearna, ’s iadsan amhàin a tha beo dha a tha beachdachadh air ùghdaras, a tha deanamh gach ni a tha e ’g àithne, mar ghniomh umhlachd toileach, cridheil, mar earran do’n t-seirbhis a tha dligheach dha. ’San 2. ’Se bhi beo do’n Tighearna aodhirip a thoirt do ghnà esan a thoilleachadh anns gach ni. Cha ruig mi leas innseadh dhuibh, gu bheil sinn gu luath a’ toirt speis do iomadh ni a tha ciùrail d’ar n’ anamaibh, agus [TD 144] a tha air an dìteadh le làgh Dhe. Tha so a’ deanamh iomadh earran d’ ar dleasdanas, co mhi-thaitneach do’n fheoil, is gu bheil e air a choimeas le ’r slànuighear, ri làmh dheas a spionadh asainn. Cha gheilleadh neach sam bith da so, agus gu h-àraidh cha deanadh e fein e, mar bitheadh è gu h-àraidh feumail chum a chuid eile d’a chorp a thearnadh. Tha nithe triobloideach, neo-thaitneach eile ann an lorg cuid eile d’ ar dleasdanais a chur an gniomh. Mar so feudaidh iad di-meas, fuath agus geur-leanmhuinn an t-saoghail aingidh so a tharruing oirn. Anis mu dh’ eisdeas sinn re ’r nadur truaillidh fein, na re comhairle an t-saoghail aingidh bithidh sinn air ar stiùradh, chum ar dleasnais a leigeil air dearmad, no eadhon chum na nithe sin, a tha calg dhireach nan aghaidh a dheanamh. Cha n’ urrain ni sam bith, ach gnàth-rùn an Tighearna a thoilleachadh, na dleasdanais sin a dheanamh taitneach, leis am bheil sinn gar n’ aicheadh fein. Ach ma tha an rùn so air a shuidheachadh gu domhain so chridhe ni e na ceumanaibh as gairbhe d’ ar dleasdanas reidh. Le dùrachd agus eadhon gu toileach, toisichidh sinn re ’r [TD 145] n’ obair; cha diùlt sinn seirbhis sam bith cia ciùrail, cia cruaidh i, mu tha è deirbhte, gu’m fuigh sinn le so gean-math ar maighistir. Mar so bha na ceud Chriosduighean beo do’n Tighearna. Bha e na ni ro bheag na ’m beachd so gu’n d’ thugadh daoine breith orra, be so an dichioll, co dhiu a bha iad a làthair no air choigrich, gu’n gabhadh am maighistir riu. Mar so labhair, mar so ghiùlain ’s iad iad fein, ni h-ann mar dhream a bha toilleachadh dhaoine, ach Dia a tha rannsachadh cridheachan a chreatuirean, agus a bheir do gach neach fa dheoigh do reir an gniomhara. ’San 3. ’Se bhi beo do’n Tighearna, a ghlòir a bhi againn ’nar beachd anns gach ni ata sinn a’ deanamh. Labhair Pol mar fhior-Chriosduigh, agus le ùghdaras, a bhuineadh do Abstol ’nuair a sgriobh e mar so chum luchd-aiteachaidh Philippi. Phil. I. 12—21. Mu tha sinn beo do ’n Tighearna, cha n’ iarr sinn nithe mora air ar son fein. Se so a bhitheas againn gu h-àraidh mar chùram gu’m bi an Tighearna air [TD 146] àrdachadh ann’s na h-uile nithe leinn, le’r giùlan ann ar beatha na le’r bas. Ge be ciod an staid shaoghalta a tha a ghliocas a taghadh dhuinn, bithidh sinn toillichte leis an staid, sin, agus bheir sinn aoirrip onoir a thoirt dhasan, le dleasdanais na staid sin a chur an gniomh le cùram. Ged ’a tha an oifig as dìblidh na theaghlach againn, ni sinn gu tòileach obair na h-oifig so, gun fharmad a ghabhaìl riu-san a tha air an suidheachadh an staid is airde; an àite farmad a ghabhail, ni sinn gàirdeachas, ’nuair a bheir sinn fainear an dùrachd agns an soirbheas. Ma tha an Tighearna a’ faotain deadh sheirbhis ma mòran d’a obair deanta, tha so g ’ar toilleachadh, ge be ciod na lamha, leis am bheil an obair air a deanamh. An ni a bhuineas d’ ar staid fein, ni sinn gu toileach, agus guidhidh sinn air Dia tomhas mòr da ghràs a thoirt do ’n dream, aig am bheil obair is mugha agus is onoraiche r’a dheanamh. 4. Se bhi beo do’n Tighearna, sinn fein a thoirt thairis gu tur dha, agus a bheannachadh, air gach àm, ann an là trioblaid, co [TD 147] mhath is soirbheis, ’nuair a tha e toirt uainn, co mhath sa builleachadh oirn. Bu mhath a dh’ fhoghlum an t-Abstol an ni so, mar a tha e fein a’ cur an ceill Phil. IV. 12. Tha sinn a’ deanamh ceannairc an aghaidh an Tighearna, ma tha sinn re monmhor, ged a tha ’r staid triobloideach cruaidh. Ciod a th’ againn, nach d’ fhuair sinn uaithe? Agus nach feud esan gu cothromach an ni as miann leis a dheanamh le chuid fein. An deigh do Dhaibhidh beachdachadh air na neamhadh, obair meura Dhe, air a Ghealaich, agus air na reulta, a dh’ òrduich e, tha e mar so a’ labhairt; creud e an duine, gu bheil thu cuimhneachail air? no mac an duine gu’m fiosraicheadh leat e? Oir dhealbh thu e beagan ni ’s ìsle no na h-Aingil, agus chrùn thu e le glòir agus onoir. Tha e ann an so a’ molladh maitheas Dhe; an toirt do’n duine na cheud chruthachadh, inbhe co àrd’ ameasg oibre moradh agus lionmhor. Tha caileigin do atharrachadh am briathraibh Dhaibhidh san Salm. XLIV. 3. far am bheil e a’ labhairt mu chairdeas De do ’n [TD 148] duine ’na staid thruaillidh. A Thighearna ars’ esan, ciod e an duine, gu bheil thu gabhail eolais air? no mac an duine, gu bheil thu ga thoirt fainear? Tha ’n duine cosmhuil re diomhanas; tha a laithe mar sgàile a tha dol thairis. Ach tha mi deirbhte gu’n aidich sibh, gu bheil Job a’ labhairt eadhon air mhogh is riachdaile na so ’nuair a tha e ’g radh, Job VII. 17. 18.—creud e an duine, gu ’n àrduicheadh tu e? no mac an duine gu ’n suidhicheadh tu do chridhe air? agus gu ’n d’ thigeadh tu gach madain ga fhaicin, agus gach mionaid ga dhearbhadh? Tha Daibhidh an labhairt mu mhaitheas De, g’ ainmeach so an duine a chuimhneachadh, agus eolas a ghabhail air. Ach ann an labhairt mu chronnachadh agus triobloid, tha Job ’g ainmeach eadhon so Dia a dh’ àrdachadh an duine, agus a chridhe a shuidheachadh air. Bha e na aobhar iongantais aige, gu’n d’ thugadh Dia aire co mhòr do chreatuir peacach; gu’n islicheadh se e fein co mòr is chum fàs na leigh dha; gun rachadh e eadhon ga fhaicin gach madain chum leughas spioradail a thoirt dha, gu’n claoidheadh se eadhon a [TD 149] chorp chum leas anama. Gabhaidh gach fior-chreidmheach am beachd do gach ni a tha teachd na charaibh am freasdal De, ged a tha iad triobloideach goirt. Air dha bhi deirbhte’ gur aithne do Dhia ni’s fhearr no dhasan ciod a tha math air a shon pogaidh se an t-slat, agus cuiridh se failte air gach trioblaid; agus ged a tha an cupan searbh neo-thaitneach da nadur, ged a tha an sean duine a miannachadh gu’n d’ theid e seachad air, gidheadh teagaisgidh gràs De e chum aontachadh, agus chum a radh re Athair maille re Criosd; ni h-i mo thoill-se ach do thoill-se gu’n robh deanta. Aon uair eile 5. ’Se bhi beo do’n Tighearna, sinn fein a thoirt thairis air mhogh co iomlan dha, is nach ’eil sinn ’nar beachd fein idir beo, ach fhad sa tha sinn a’ toirt seirbhis dha-san, agus a’ nochdadh a chliu. Se so reir mo bheachd, fior-sheadh briathraibh an Abstoil. Cha b’ fhiu ni sam bith na bheachd, a bhi air ainmeach beatha, nach robh a’ coi’-fhreagradh chum na criche gus an robh beatha air a builleachadh. Thomh- [TD 150] ais e aimsir, ni h-ann le laithibh, le miosaibh, no le bliadhnaibh, ach leis an t-seirbhis a rinn e o àm gu h-àm da mhaighistir caomh, agus leis an umhlachd a thug se dha. Gach earran d’a ùine nach robh mar so air an caitheadh, cha robh mar bheatha idir ’na bheachd, mheas e so mar ni diomhain, cosmhuil ris na h-uairibh a tha sinn a’ caitheadh ann an codal, ni is e iomhaigh a bhàis. Is fhearr leis an fhior-chriosduigh aon là ann an cuirtibh Dhe, no mile ann an àite sam bith eile; agus maille re Daibhidh is fhearr leis a bhi na dhorsair an tigh an Tighearna, no comhnuidh a ghabhail am pailliunibh na h-aingidheachd. Mar so nochd mi ciod a bhi beo do’n Tighearna. Cha leig ar n’ ùine dhomh labhairt mu’n dara ni a chuir mi romham. Deanamaid foghnàdh aith-ghearra o na chaidh a radh. Nochd mi dhuibh ciod a bhi beo do’n Tighearna, agus tha e ceangailte oirn air iomadh doigh ar beatha mar so a chaitheadh. Tha eadhon còir agus ceartas ag iarraidh so. Mar a tha an t-Abstol a’ teagasg, cha leinn [TD 151] fein idir sinn, ach cheannachadh sinn le luach uime sinn, ’s còir dhuinn glòir a thoirt do Dhia ’nar cuirp agus ’nar spioraid is le Dia. Mar chreatuirean a fhuair am bith o Dhia, ’s còir dhuinn a ghràdhachadh le ’r n’ uile chridhe agus seirbhis, fhad ’s as urrain sinn a thoirt dha. Ach le ghràs slàinteil thug e sinn fuidh cheangal nuadh, fuidh cheangal is neartmhoire agus is cairdeile chum seirbhis a thoirt dha. ’Nuair a sgrios sinn sinn fein, agus a bha sinn buailteach do thoradh uamhunn a chorruich, gu’n sùil a ghabhadh truas ruinn, gu’n làmh a dheanadh cobhair oirn, ann an sin ghabh esan truas ruinn, agus dh’ oibrich a ghairdean treun, slàinte dhuinn. Thug esan an àithne chairdeil so, saor iad o dhol sios do’n t-slochd oir fhuair mise eiric air an son. Agus ann an coi’-lionadh na h-aimsir, ar Tighearna Iosa Criosd, an t-Uan sin, a chaidh a mharbhadh ann an rùn De, roimh leagadh bunadh an t-saoghail, nochd esan e fein ’nar nadur, agus le prìs luachmhor fhola, shaor e sinn o làimh ceartais, agus choisinn e slàinte iomlan agus shiorruidh dhuinn. Cionnas ma seadh is urrain sinn a bhi leasg ’na sheirbhis, no umhlachd a [TD 152] dhiùltadh do h-aon da àitheanta. ’San air sgàth a thoilteanais a tha sinn idir beo, agus am meas sinn e na ni cruaidh, a bhi air ar stiuradh leisin ’nar beatha. Gu cinnteach cha ’n ’eil ni is cothromaich na so, gu’m bitheadh còir aige-san oirn a shaor sinn le fhuil, agus gun d’ thugadh an dream sin a tha air an saoradh iad fein gu tur thairis do sheirbhis an slànuighear. Thugamid-ne fainear an ceangal so, na diùltamaid a chòir do Chriosd, ach ann am briathraibh an Abstol abraidh agus deanadh gach h-aon againn. Ma ’s beo dhuinn &c. [TD 153] SEARMOIN VIII. NAHUM, I. 7. ’Ta ’n Tighearna math’ na dhaighneachadh treun an la triobloid agus teinn, agus ’s aithne dha ’n dream, a tha cuir earbs’ ann. Se ’m fàigh Nahum, le òrdugh an De bheo, a labhair na briathra so, chum misneach agus sòlas a thoirt do chloinn Israeil, ’nuair a bha muintir Ninebheh, àrd-chaithir rioghachd Assiria o shean, a’ cogadh gu naimhdeil ’na ’n aghaidh, agus a’ buntuin riu gu feargach, buirbeil cealgach agus aingidh. Bha staid Israeil air an àm so cunnartach, bha ’n naimhde cumhachdach lionmhor, ach bha Dia nan uile air an taobh, agus ’na àm iomchuidh thug e saorsa agus buaidh gu cairdeil [TD 154] dhoibh. Fhuair an naimhde car tamuil comas, an ìsleachadh gu mòr, an claoidh gu goirt mar pheanas airson am peacaidhean, ga ’n deanamh iriosal agus aithreachail, ga ’m bròsnachadh chum cairdeas De iarruidh, agus earbsa a chuir ann, ann an latha an teinn. Ann an lorg do Dhia a phobull ìsleachadh le triobloid chuir e Nahum da ’n ionnsuidh chum am misneach a thogail ’suas, le sgeul a thoirt air cumhachd Dhe, a b’ urrain a ’m mionaid an naimhde a sgrios, agus iadsan a thearnadh, na ’m pilleadh iad d’ a ionnsuidh. Mar dhearbhadh gu’n robh Dia comasach air so, agus tuille a dheanamh, chum a naimhde a chur fuidh cheansal, tha ’m fàigh an toiseach a chaibideil so, a’ toirt sgeul uamhasach air a chumhachd, agus air a ghlòir. “’Ta Dia, ars’ esan mòr ann an cumhachd, ’ta a shlighe ’san iom-ghaoith, agus ’san stoirm, ’s iad na neultaidh dus a chosan; tha e cronnachadh na fairge agus tha i fàs tirim air ball, tha esan a’ tiormachadh na’n aibhnichean gu leir. Ann an làthair Dhe, ’ta na beanntaidh mòr a’ crith gu dluth, ’ta na sleibhte air ball a leaghadh, tha ’n talamh air a losgadh suas, ’ta eadhon an saoghal agus a luchd-àit- [TD 155] eachadh gu leir. Co ’s urrain seasamh an aghaidh lassan fheirge, co ’s urrain a dhearg chorruich a ghiùlan?” ’S e so sgeul an fhàigh, agus tha e gu riachdeil a’ cur an ceill, gu bheil neamh agus talamh, aingil agus daoine, muir agus tir, agus an saoghal nadurail gu leir gu tur fuidh ughdaras an De bheo. Anis o na tha Dia uile-chumhachdach, a’ riaghladh an t-saoghail, ’s urrain e naimhde a phobuill a chur fuidh cheansal, a leagadh gu làr, a sgrios gu tur, ’s urrain e iadsan a dhionadh o chunnart, a shaoradh o thriobloid, agus àrdachadh chum glòir, le ghairdean treun. Agus an ni a’s urrain e, tha ’m fàigh a’ gealltuin ann an steidh mo theagaisg, gun dean Dia gu cairdeil thaobh a phobuill anns gach àll; tha ’n Tighearna math, na dhaighneachadh treun an là triobloid agus teinn, agus ’s àithne dha ’n dream, a tha cuir earbs’ ann. I. Gu bheil an Tighearna math. ’Se ’n Ti sin, a dhealbh neamh agus talamh, aingil agus daoine, gach ni aig am bheil bith, gach creutair anns am bheil an [TD 156] deo, mu bheil am fàigh an so a’ labhairt, agus tha e ’g radh gu bheil e math. Tha creutairean Dhe gu leir gach là a’ blasadh a mhaitheas, ’s iad an cinne-daonna gu h-àraidh cuspairean a chairdeìs, agus a chaomh-thròcair. Mu bheir sinn fainear ar nadur ar staid, ar dionadh, ar sochairean agus ar dochas, ’s eigin dhuinn aidmheil le cliu gu bheil Dia math, agus a’ buntain gu cairdeil ruinn. Thaobh ar naduir, bha sinn uile aon uair, gu’n bhith, gu’n bheatha, gu’n chuirp, gu’n anama, gu’n reusan, gu’n tuigse, gu’n treòir. Air an àm so, ghairm Dia sinn chum bith, agus an àit’ ar dealbh mar chlochan an t-sleibh, mar bhruidean na machrach, mar iasg na fairge, no mar eunlaith’ an aidhir, thug è dhuinn cuirp iongantach agus sgiamhach, thug anama reusanta neo-bhasmhur. Tha ar nadur ann an luach ann an glòir, gu mòr oscionn gach creatuir talmhaidh, tha aig ar cuirp ar ball, tha aig ar n’ anama gach cumhachd, a tha feumail ’nar staid, agus ’nuair a tha sinn a’ gabhail beachd, d’ ar lùth agus treòir, d’ ar reusan, tuigse, agus anama prìseil, agus ’s còir dhuinn le taing agus cliu [TD 157] aidmheil, gu bheil an Dia a thug iad dhuinn gun amharus math. Aris a thaobh ar staid air talamh, tha Dia an so cuideachd a’ nochdadh a mhaitheis. Anns an t-saoghal so, far am bheil ar n’ àite comhnuidh, tha gach ni ulluichte, so-fhaotain, a tha feumail, sòlasach agus taitneach. Air òrdugh Dhe, tha mùir agus tir a’ tairgse dhuinn am pailteis; le beagan do shaothair tha sinn a’ faotain biadh agus deoch, eadach agus àite-comhnuidh. Tha Ghrian gu cairdeil a’ toirt sòlus dhuinn ’san là, tha Ghealach agus na reultan ’san oidhche, chum ar cuirp a ghleidheadh neartmhor slan, tha oidhche agus là, tha samhradh agus geamhradh, tha fuachd agus teas a’ ruidh an tòir a cheile. Tha ar co-chreatuirean, tha ar càirdean g’ ar cuairteachadh air gach taobh, gar stiùradh, gar dionadh, agus gar cuideachadh, anns gach cunnart cruaidh-chas agus teinn. Ciod tuill’ a’s urrain sinn iarruidh? nach ’eil ar staid gu riachdail a dearbhadh gu bheil an Tighearna math. [TD 158] Ach aris thaobh ar dionadh, nochd Dia a mhaitheas gu càirdeil do gach aon againn. B’ anmhunn ain-eolach sinn gu leir, ’nuair a thainig sinn a dh’ ionnsuidh an t-saoghail so, ’siomadh tinneas agus triobloid da’n robh sinn buailteach, ’s iomadh namhaid a bha ’g ar cuarteachadh, a’ bagairt ar sgrios, agus snàthain caol ar beatha gu tur a ghearradh. Le teine no uisge, le leagadh no leonadh, le pailteas do lòn no le gorta, le codal no faire, le tinneas no eacail, dh’ fheudadh gach aon againn a bhi air ar tasguidh ’san ùir, ùine fhada roimhe so. Ach ged a bha sinn an àm ar n’ oige, anmhunn uireasach, ged a bha rè ar beatha buailteach do iomadh ni a dh’ fheudadh ar sgrios, gidheadh ghlac Dia sinn, gu cairdeil air làimh, dhion e sinn o gach cunnart, shaor e sinn o gach triobloid, agus mar dhearbhadh gu bheil e math, tròcaireach, caomh, tha sinn uile fhathast ann an ti nam beo. Aon uair eile fuidhn cheann so, tha ar sochairean agus ar dochas gu soilleir a’ dearbhadh gu bheil Dia math. Ged a tha sinn ceannairceach, peacach, aingidh, chuir Dia [TD 159] mhac g’ar tearnadh, le umhlachd agus le bhàs, choisin e dhuinn slainte, choisin maitheanas agus gràs, neart agus sòlas, cairdeas De, sìth coguis, maille re sonas siorruidh neamh. Tha ’n t-slàinte so a choisin e air a tairgse gu saor dhuinne, chuala sinn uile fuaim aoibhneach an t-soisgeil, tha meadhonna nan gràs, a measg ar làmh, tha dorus na tròcair fosgailte dhuinn, tha spiorad na sìth g’ar n’ aomadh g’ar brosnachadh chum gabhail re Criosd. ’S iad so ar sochairean mar Chriosduidhean, tha iad solasach agus luachmhor, agus ’se cuspair ar dochais an oighreachd ghlòirmhor, an sonas siorruidh a choisin Criosd gu daor dhuinn. Anis o na tha sinne dìblidh, truaillidh agus peacach, tha ’n Dia sin gu cinnteach math, a tha toirt dhuinn araon na sochairean agus an dochas so. Mar so anns gach beachd ata sinn a’ gabhail da ghiùlan d’ar taobh, chith sibh gu bheil an Tighearna math. Ach maille re so, tha am fàigh ag innseadh dhuinn ’san II. Gu bheil e na dhaighneacha treun an là triobloid agus teinn. [TD 160] Tha ’n cinne-daona gu leir, tha eadhon pobul De air talamh, air an cuartachadh le iomadh nàmhaid, an luidhe re iomadh triobloid, agus buailteach do iomadh teinn. O na si so ar staid, tha feum againn air caraid cumhachdach gràdhach, tha air sgiath-dhidnidh, tha air daighneachadh treun. Tha daighneachadh a’ coi’-fhreagradh chum ar dionadh o ionnsuidh ar naimhde, agus chum ar neartachadh gu buaidh fhaotain orra, agus mar so tha Dia a’ buntain re phobull araon a thaobh an naimhde spioradeil agus talmhaidh. 1. Tha e dionadh a phobuill an là triobloid agus teinn. O’ nàm an d’rinn an duine le pheacadh ceannairc an aghaidh Dhe, tha e fein agus a bhràithre gu minic a droch-chordadh. Tha uabhar agus sannt, tha corruich agus mi-rùn gu minic a’ buaireadh sliochd an duine, chum cogadh an aghaidh a cheile, araon mar dhaoine, agus mar rioghachda. Anis ’nuair a tha ’n naimhde a’ bagairt cron a dheanamh do’n dream sin a bhuineas do Dhia, a tha [TD 161] toirt gràdh agus umhlachd dha, tha esan mar an daighneach treun gan dion, tha o gach ionnsuidh agus cunnart a tha air muir agus tir, ’san là no ’san oidhche, nan codal no nam faireach. Mar so dhionadh Maois, ’nuair a dh’ orduich righ na h-Eiphit a sgrios; dhionadh Joseph ’nuair a chuir a bhraithre rompa a mharbhadh, dhionadh Daibhidh o chorruich Righ Saul; dhionadh Daniel o sgornach nan leomhan garg, dhionadh Jonah agus Pol o bhi air am bàthadh sa chuan, agus air an sgrios le stoirm. Maille re so, tha Dia a’ dion a chairdean, mar phobull agus mar rioghachd. Mar so dhion e clann Israel fuidh Mhaois, o bhi air am bathadh sa mhuir ruaidh, agus o bhi air an sgrios le armailt mhòr righ na h-Eiphit; agus dhion e iad air an àm o bhi air an slugadh suas se muintir Assiria. An ni ma seadh a rinn Dia, thaobh a chairdean, agus a phobuill o shean, ’s urrain e agus tha e toileach a dheanamh d’ar taobh-ne, eadhon ar dion, mar dhaoine agus mar rioghachd, an àm cunnairt agus teinn, araon o mhirùn agus o chorruich ar naimhde. ’S tric a dhion Dia roimhe [TD 162] ar rioghachd, agus tha e toileach fhathasd so a dheanamh ma philleas, sinn da ionnsuidh, agus ma bheir sinn umhlachd dha. Ach aris anns an 2. Tha Dia mar dhaighneachadh treun, a’ cuideachadh a phobuill an àm cunnairt, agus a’ toirt buaidh dhoibh. Tha iomadh dearbhadh againn air an fhirinn so ann am focal naomha Dhe; ’s tric a chuidich Dia le phobull agus a thug e buaidh dhoibh, araon mar dhaoine agus mar rioghachd. Mar so tha Maois ag radh, be Dia m’ aithreachadh mo chuideachadh, agus mo choghnadh, tha Samuel ag radh, gus an t-àm so, chuidich Dia leam; agus tha Daibhidh ag radh ’s tusa a thug coghnadh Dhomh na fàg, agus na treig mi, a Dhia, mo shlàinte. ’Le coghnadh Dhe, fhuair Mordecai buaidh air uabhar Haman, Daibhidh air mi-rùn Righ Shauil, Peadar agus Pol air naimhdeas nan Judhach, agus dioghaltas nan Geintileach. Le coghnadh an De bheo fhuair Maois agus clann Israel buaidh air armailt mhòr righ na h-Eiphit, fhuair Jo- [TD 163] shua buaidh air luchd àiteachaidh Chanaain, fhuair Dhaibhidh buaidh air na naimhde lionmhor treun a bha mun cuairt da. Le coghnadh Dhe, ’s tric a fhuair an rioghachd againne buaidh, agus a thog ì a ceann gu h-ard ann an glòir oscionn a naimhde guineach gu leir. Mar so chi sibh gu bheil Dia ni ’mhàin math da phobull ach mar an ceudna gan dion, ga’n cuideachadh, agus a’ toirt buaidh dhoibh ann an àm cunnairt agus teinn. Chum maitheas Dhe, ma seadh a bhlasadh, agus a choghnadh fhaotain araon dhuinn fein agus d’ar rioghachd, fiosraichimid san III. Ciod a’s còir dhuinn a dheanamh. Tha so air innseadh ann an steidh mo theagaisg, ’s còir earbsa a chuir ann an Dia, ’s còir ’na ghràs, agus na fhreasdail airson gach ni ata feumail agus math dhuinn. Tha earbsa gar dlù-cheangal re Dia mar ar caraid, agus g’ar stiùradh chum ar cùram a thilgeadh air agus dochas a chur ann, anns gach staid agus teinn. Ann an àm cunnairt agus trioblaid, tha earbsa ann an Dia gu [TD 164] h-àraidh feumail, chum ar cinn a chumail suas oscionn nan uisgeachan, agus ar deanamh, glic foighidneach agus cruadalach. O na tha Dia ma seadh pailt ann an tròcair, is uile-chumhachdach, agus uile-ghràdhach. ’S còir air 1. Earbsa chuir ’na ghràs trid an t-Slànuighear. Mar chreatuirean ciontach, peacach, tha mòr fheum againn gu leir air gràs De, chum ar peacaidhean a dhubhadh a’s, chum ar nadur a naomhachadh, chum ar neartachadh an aghaidh buaireidh, agus ar n’ ullachadh fa chomhair neamh. An gràs so, a tha co-fheumail, choisin Criosd gu cairdeil dhuinn, agus tha e tairgse gu saor ’san t-soisgeul. ’S còir ma seadh onoir a thoirt do Dhia, ’s còir d’ar slànuighear, le earbsa chur na ghràs, ’s còir iarruidh gu minic dùrachdach, le ùrnuigh an creidimh, le beo-dhochas. S còir anns. 2. Earbsa chur am freasdal De. [TD 165] O na tha Dia uile-leirsinneach, uile-ghlic agus uile chumhachdach, tha neamh agus talamh, aingil agus daoine, tha muir agus tir, gu tur fuidh ùghdaras, agus o na tha e uile mhath, tha fhreasdal caomh thar oibre uile. Le fhreasdal caomh, le ghairdean treun, tha esan a’ dion a phobuill o chunnart, ga’n saoradh o thriobloid, ga ’n tearnadh o sgrios air muir agus tir, ’san là agus ’san oidhche, ann an cogadh na sìth, an tinneas no teinn. Anis o tha Dia a làthair anns sgach àite, agus a ghnàth g’ar cuartachadh le fhreasdal caomh, ’s còir dhuinn onoir a thoirt da ainm le làn-earbsa chuir ann, gar dion agus g’ ar teasairgin anns gach inbhe agus staid. ’Si ’n earbsa so ann an gràs agus am freasdal De, a ni sinn misneachail, duineil treun ann an àm triobloid, air là cath, agus eadhon aig uair a bhàis. G’ ar brosnachadh chum an earbsa so a chur ann an Dia, thugamaid anis fainear ’sa III. Cionnas a tha Dia a’ bunuinn riusan, a tha cur earbsa ann. Tha ’m fàigh ag ainmeach so ann an [TD 166] steidh ar teagaisg, ’s aithne dha ars’ esan an dream a tha cur earbsa ann. Tha aithne na eolas De air daoine na pobull sam bith a’ cur an ceill, gu bheil e gan toirt fainear a’ gabhail cùram dhiu, ga’m beannachadh le làthaireachd, agus le ghràs, ga ’n stiùradh, ga ’n dionadh, agus ga ’n cuideachadh. Cia solasach ma seadh an ni aithne a bhith aig an Dia bheo oirn. ’Nuair a tha esan a’ gabhail cùram dhinn, gar beannachadh le laithaireachd, gar stiùradh le ghliocas, gar dion le fhreasdal, gar cuideachadh le choghnadh, co na ciod a’s urrain cron a dheanamh dhuinn. ’Nuair a tha uachdaran an t-saoghail air ar taobh, gar n’aithneachadh mar a chairdean gar stiùradh agus gar beannachadh, gheibh sinn dion o gach cunnart, gheibh saorsa o gach triobloid gheibh buaidh air gach namhaid; air muir no air tir bithidh sinn tearuinte, am beatha no bàs bithidh sinn sonadh. ’Nuair a tha sùil chairdeil Dhe oirn, agus a ghairdean treun mu ’n cuairt dhuinn, mar charaig ’san fhairge nach urrain gaoth na tonnan na stoirm a charrachadh no a bhriseadh, cha n’ urrain ni no neach sam bith sinne a chiuradh no a sgrios. Cia pri- [TD 167] seil ma seadh sochair na dream, a tha cur earbs’ ann an Dia, anns gach inbhe agus staid, anns gach triobloid agus teinn, tha esan gan aithneachadh mar an caraid, agus a’ gabhail cùram dhiu. Air dhuinn mar so a dhearbhadh, gu bheil Dia math, gu bheil e na dhaighneach treun an àm triobloid, gur còir dhuinn earbs’ a chur ’na fhreasdal agus na ghràs, agus gu’n aithnich e mar a chairdean, an dream a tha cur earbs’ ann, deanamaid nis’ foghnadh o’n iomlan. Mar uachdaran agus mar bhreitheamh a chinne-daonna, tha gràdh agus umhlachd dligheach do Dhia o gach òg agus sean, bochd agus beartach, uasal agus iosal. ’S ann amhàin le coghnadh Dhe, ’sann amhàin le bhi earbsach as agus umhal dha, a’s urrain duil a bhi againn re soirbheas, anns gach obair agus dreachd, agus ni ris an cuir sinn ar làmh. Tha sibhse air an àm air bhur gairm chum seirbhis bhur Righ, chum bhur rioghachd, bhur luchd-ducha, agus bhur càirdean a dhion, chum buaidh, onoir agus sìth a chosnadh dhoibh. Tha [TD 168] bhur dreachd, tha bhur seirbhis onorach, laghail, agus dligheach, tha gu h-àraidh feumail air an àm so. Tha pobull a bha aon uair ’nan iochdairein agus nan cairdean dhuinn, gu mi-thaingeil a’ cogadh ’nar n’ aghaidh agus a’ toirt aorrip ar nuachdaranachd a thilgeadh dhiu. Maille re so tha ar sean naimhde guineach, cealgach aingidh, a’ bagairt ionsuidh a thoirt oirn, agus coghnàdh a thoirt d’ ar naimhde eile. Anns an staid so, tha feum aig ar rioghachd air saighd-fheara cruadalach, duineil treun, cosmhuil ris na h-aithreacha o’n d’ thainig sinn, a choisin roimhe so gu minic buaidh. An e ar rùn-sa, mar dheadh shaighdfhearra, buaidh a chosnadh d’ar rioghachd’ onoir d’ar duthaich, cliu dhuinn fein, cuiribh earbs’ ann an Dia, iarruibh a choghnàdh bithibh umhal dha. Na saoilibh gu’m fuigh sibh buaidh amhàin, le’r neart, le’r n’ innleachd, le’r cruadal fein, oir se Dia a bheir buaidh, agus ma ’s miann leibh gu’m bith e air bhur taobh mar dhaighneach treun, bithibh nar seirbhisich dhileas dha. Na saoilibh gu bheil e ceadaichte dhuibh anis a bhi mi-dhiadhaidh, ainm Dhe, a thoirt an diomh- [TD 169] anas, a shabaide a mhi-naomhachadh, àitheanta a bhriseadh, agus a bhi’ nar giùlan breugach, cealgach, misgeach, neo-ghlan, agus tuasaideach. ’Nuair a tha armailt a’ di’-chuimhneachadh Dhe, agus ciontach do na peacaidh so, tha iad a’ toiltin peanas o làimh, agus tha esan gu minic a’ toirt comas d’ an naimhde buaidh fhaotain orra. Ma se bhur rùn nach tachair so dhuibh-se, bithibh diadhaidh; bha na saighd-fheara a b’ fhearr o shean diadhaidh, bha Maois agus Joshua, bha Jonatan agus Daibhidh, bha Solamh agus Cornelius, agus thug Dia mar a chairdean buaidh dhoibh. Mas miann leibhse a bhi’ nar gaisgich threun, thugaibh gràdh agus umhlachd do Dhia nan uile, bheir a chairdeas misneach d’ar cridhe, saoraidh eagal o gach eagal eile sibh. Le fhocal a leughadh agus eisdeachd, le shàbaid a naomhachadh, le ùrnuigh gu moch agus anmoch iarruibh a chairdeas le dùrachd, agus bitheadh ar giulan measarra cothromach agus diadhaidh. Ma bhitheas bhur giulan air an doigh so, feudaidh dùil a bhi agaibh gùm bi Dia maille ruibh, agus gun d’thoir e dion, soirbheas agus buaidh dhuibh, air muir no air tir, an cruaidh chas [TD 170] no teinn, an cogadh na sith a’m bàs no beatha. Agus gun deonaiche Dia, gu’m fuigh sibh uìle dearbha riachdail gu bheil an Tighearna gun amharus math, na dhaighneach treun an àm triobloid agus teinn, agus gur aithne dha a’n dream a tha cuir earbsa ann; agus dà ainm-se gu’n robh a ghloir gu suthain siorruidh. Amen. [TD 171] SEARMOIN VIII. GAL. IV. 5, 6. Ach ’nuair a thainig coi’-lionadh na h-aimsir chuir Dia a mhac fein uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fuidh ’n lagh, chum gun saoradh e iadsan a bha fuidh ’n lagh, ionnas gu’m faigheamaid-ne uchd-mhacachd na cloinne. MAR ghaoth nàm beann no mar gheuga maoth tha mac an duine luaineach so-lubaidh gus am bheil e air a stiuradh le gliocas, agus air a chumail ’suas le coghnadh Dhe. Ma tha e air fhagail car tamail d’a inntin dhoilleir, d’a smuaintidh neo-sheasmhach, agus d’a chridhe, cealgach fein, le innleachd a naimhde, tha e gu grad a’ ruidh o bharràil gu barrail, o aon chreidimh gu creidimh eile, agus o [TD 172] ghiulan naomha gu giulan truaillidh peacach. Thachair so gu soilleir do’n dream, sin a dh’ iompuich Pol a chum creidimh Chriosd aidmheil an duthaich Ghalatia. Co lùath sa dh’ fhàg esan iad, thàinig Iudhaich Chriosduigh na’m measg, a bha ro-eudmhor mu lagh Mhaois, agus le buaireadh an abhairseir thug iad aoirrip a dheisciobuil atharrachadh na’m beachd, agus a dheanamh neo-sheasmhach ’nan creidimh. Chuir iad an ceill dhoibh gu h àraidh, gu’m faigheadh iad maitheanas peacaidh, agus sonas neamh mar dhuais an oibre fein, agus nì h-ann gu saor trìd gràis Chriosd. Fhuair an t-Abstol sgeul air na nìthe so, mhothuich e air bàll cunnart a chàirdean, agus mar athair caomh scriobh e an litir so, chum an dream a bha ain-eolach a theagasg, chum iadsan a chaidh am mearrachd iompuchadh, agus iadsan a bha luaineach a dhaighneachadh, na’n creidimh. ’Sa chaibideil roimhe so, tha e gu h-àraidh a’ teagasg, nach urrain daoine gu bràth a bhi àir am fìreanachadh, ’se sin maitheanas peacaidh, agus sonas neamh fhaotain, trid an oibre fein. Tha e toirt deadh reusan air son so, tha lagh Dhe ’g iarraidh umhlachd iomlan, cha n’urrain daoine so a [TD 173] thoirt seachad, uime sin cha n’urrain ìad a bhi air am fìreanachadh leis, ach tha e ’mhain mar mhaighistir scoil a’ treòrachadh dh’ a ionnsuidh Chriosd. Trìd na h-umhlachd a thug esan seachad, agus na h-iobairt iomlan a dh’ ofrail e choisin e maitheanas agus sonas d’a phobul, agus rinn e iad ’nan cloinn do Dhia. Ach tha an t-Abstol a’ teagasg an toiseach a chaibideil so, mar a tha clann rè ùine fuidh mhaighistir sgoil, gus am bheil iad a’ teachd gu aois agus ciall, ceart mar so bha a phobull re uine fuidh dhaorsa an lagha, gus an robh iad air an ulluchadh fa chomhair teachd an t-slànuighear. Air do Phol na nithe so a theagasg agus a dhearbhadh gu soilleir tha e le aoibhneas ag innseadh ann an steidh mo theagaisg, ciod a rinn an t-athair agus am mac, chum an cinne daonna a shaoradh, agus sochairean clann De a thoirt dhoibh, Ach, &c. Chum misneach a thoirt dhuibh an obair bhur n’anama agus g’ar n’ulluchadh fa chomhair seirbhis àraidh an là an diu se, mo rùn le coghnadh Dhe, na briathra sòlasach so a mhìneachadh dhuibh. Agus chum na crìche so fiosraichaimid air [TD 174] I. C’uin a thaisbein Dia saibhreas a ghràis d’a phobull. Bu naomha, taitneach staid an duine, nuair a thainig e air tùs a làmha Dhe; gidheadh mo thruaighe pheacaich e gu luath ’na aghaidh, ach ’n àit a sgrios thug Dia gealladh priseil dha. Ghin Adhamh sliochd ceannairceach, peacach, cosmhuil ris fein, an ùine ghrad dh’ fhàs an aireamh mòr, bha am peacaidhean dearg mar sgarlaid, agus do aireamh mar runnagan nan speur. Chum mi’ thoilteanas a pheacaidh a chur an ceill, sgrios Dia le tuil an tàlamh so gu leir ach aon teaghlach amhàin. O Noah thainig sliochd a dh’ fhàs gu grad aingidh, a thug iad fein thairis do iodhol aoraidh, agus do pheacaidhean eile, ann an aireamh agus ann an cionta do-innseadh. Cha do chlaoidh an giulan so foighi din De gu tur, ach chum saibhreas a ghràis a nochdadh, ghairm Dia Abram, sgar se e fein agus a theaghlach o luchd-iodhol-aoraidh, thug iomadh gealla priseil dhoibh. A chuid, a chuid, dh’ fhàs siol Abram lionmhor mar ghainneamh na tràighe, agus an lorg daorsa rè uine fhulang thug Dia gu cairdeil fuasgladh [TD 175] dhoibh, threòraich e iad chum an fhàsaich. Air sliabh Shinai, thaisbein e a thoil gu soilleir, thug e dhoibh lagh nàm modhanna, thug lagh nàn iobairtean, ga’n stiuradh ’na shlighe, ga’n ullachadh fa chomhair teachd an t-slànuighear. Le luchd-teagaisg, le sheirbhisich, le fhàidhean, gheall Dia gu minic air am àraidh fear-saoraidh a chur a dh’ ionsuidh a phobuil. Mar sheirbhisich fuidh’ Uachdaran, mar chlann fuidh mhaighstir scoile, bha a phobull re ùine fuidh ’n lagh, gus am bitheadh iad iomchuidh fa chomhair saorsa. Mar sholus na Greine, bha geallanna Dhe a’ fàs na b’iomlaine, agus na bu shoilleireadh, gus an d’thainig an t àm orduichte, mar àrd mheadhon-la, làn do shòlas do chlann na’n daoine. Be so coi’-lionadh na h-aimsir, mu bheil an t-Abstol a’ labhairt, agus air an àm so thachair ni, a’s còir dhuinne ghnàth chuimhneachadh le cridheachan dian-laiste, araon le aoibhneas agus le gràdh. Fiosraicheamid ma seadh ’san II. Ciod a rinn Dia air an àm so. Tha oibre Dhe uile iongantach, tha iad uile làn do thròcair, cha n’ urrain Aingil no [TD 176] daoine gu bràth an làn-thuigsin, no cliu mar a’s cubhaidh air an son a thoirt da ainm. Chum ar n’ urram, ar ghràdh, agus ar n’ aoibhneas a mheudachadh ’s còir beachd a ghabhail do obair nan gràs, do reir an sgeil a tha sinn a’faotain air. Tha sgeul an Abstoil an steidh mo theagaisg gu h’ àraidh brioghmhor ’sfhiach e gu math ar n’aire. 1. Chuir Dia a mhac uaithe. ’Siongantach an ni, gu’n cuireadh Dia a mhac fein uaithe, air ghnothuch s’am bith; ’s iongantach mar an ceudna, gu’m fàgadh am mac gu toileach uchd an Athar agus a ghlòir a bh’ aige maille ris. Bha cumhachd agus gliocas iomlan, bha neamh agus talamh, aingil agus daoine, agus gach creatuir eile aig Dia mar sheirbhisich, chum obair sam bith, bu mhìann leis a chur an gniomh. Bha staid a chinne-daoine co bhochd, co bhrònach, co chunnartach, a’s gam feudadh iad a bhi toilichte taingeil, na’m fuigheadh iad saorsa ge be ciod an instrumaid, a bha e a’ gnàthachadh. Ach o na bha an obair, a bh’aige na bheachd, iongantach, mòr agus do-dheanamh, o na bha [TD 177] oscionn cumhachd Aingil, innleachd dhaoine, agus gach creatair eile, anns am bheil an deo, rinn e roghain air neach, a bha coi’-fhreagradh r’ar slàintuigh-ne, chuir e uaith a mhac fein. Chuir e uaithe a mhac, a ghin e o shiorruigheachd, abha coi’-ionnan ris ann an cumhachd agus ann an glòir, a bha ionmhuin na bheachd, d’an d’thug e gràdh iomlan, agus anns an robh a làn toil. Chuir se a mhac o neamh gu talamh, o ghlòir gu di’-meas, o chumhachd gu anmhuinneachd, o shaibhreas gu bochduin, o làn shonas gu mòr-thruaighe. Chuir se air a ghnothuch a b’-fhearr, air an turus bu chairdeile, gidheadh ’san staid a b’ isle, an neach bu ghlòirmhoire, a chunnaic neamh no talamh riamh. B’ iongantach gradh àn-Athar a chuir uaithe a mhac fein, air son creatuirean co diblidh, co cheannairceach agus co truaillidh. Bu mhòr, do-thuigsin gràdh a mhic a dh’ ìslich e fein gu toileach, chum saorsa o thruaighe, agus làn-shonas a chosnadh dhoibh. Ach cha do chuir Dia ’mhàin a mhac uaithe ach anns an 2. Ghinneadh e o mhnaoi. [TD 178] Bu mhòr a dh’ ìslich Criosd e fein bu mhòr an sgàil a chuir air a ghlòir, ’nuair a dh’ fhàg è uchd an Athar agus a nochd se e fein air talamh, ach thug e dearbhadh na bu mhogha air a ghràdh, ’nuair a ghabh se air natur an duine. Feuch an ti, a dhealbh Neamh agus talamh, aingil agus daoine, ghinneadh è o mhnaoi; feuch an ti a bha ann o shiorruigheach dh’ fhàs e na leanabh; ged a bha e uile chumhachdach, dh’ fhàs e anmhunn, ged a bha seilbh aige air gach ni, dh’ fhàs e uireasach agus bochd. An àite e fein a nochdadh, mar phrionsa, mar Righ no mar Impire mòr, le mòr urram agus gloir, thainig neul tiugh air a Ghrein, rugadh e o pharantaidh bochd, ann an àite diblidh, ann an stapul truagh, agus nochd se e fein re a bheatha, ann an riochd seirbhisich. Thainig esan a nuas gu toileach o’n staid a’s gloirmhor chum na staid a’s diblidh, chum daoine a thogail suas o’n staid a’s isle, chum na staid a’s airde. Tha an t-Abstol Pol ag ràdh, gum b’ fheumail da ann sna h uile nithibh bhi àir a dheanamh cosmhuil r’a bhràithribh chum gùm bitheadh e na àrd-shàgart tròcaireach agus dileas ann an nithibh do thaobh Dhe [TD 179] chum rèite a dheanamh air son peacaidh a phobuill. A’ nis o na bha e feumail do Chriosd, ar natur a ghabhail air, chum slàinte a chosnadh dhuinn, do reir ceud ghealladh Dhe d’ar sinnsir, ghinneadh e gu toileach o mhnaoi. Ach maille re so’ san 3. Rinneadh e fui ’n lagh. Se lagh Dhe taisbeanadh a thoil, agus tha e ceangailte air a chreatuirean, an dara cuid umhlachd a thoirt dha, no am peanas sin fhulang, a tha e a’bagairt. Mar riaghailt stiuraidh d’an giùlan, agus ga’n ullachadh fa chomhair teachd an t-slànuighear, dh’fhoillsich Dia da sheorsa do lagh do chloinn Israeil, lagh na’m modhanna, agus lagh na’n iobairtean. Bha e ceangailte aìr a chinne’-daonna gu leir umhlachd a thoirt do lagh na’m modhanna, bha umhlachd do lagh nan iobairtean dligheach o chloinn Israeil amhàin. Bha lagh nàm modhanna na riaghailt stiuraidh sheasmhach, bha e reusanta, dligheach feumail anns gach àll; bha lagh nan iobairtean mar eallach thrioblaideach do-ghiùlan, bha è mar mhaighistir sgoilè ’g ulluchadh fa [TD 180] chomhair, agus a’ treorachadh a’ dh’ ionnsuidh Chriosd. Chum lagh na’n iobairtean a chuir air cùl, agus a phobull a shaoradh o thraillealachd; chum umhlachd iomlan a thoirt do lagh na modhanna, agus am peanas sin fhulang, a bha e a’bagairt agus a thoill peacairean, rinneadh mac Dhe gu toileach fui’n lagh. An ti sin a thaisbean lagh do’n chinne-daonna rinneadh e-fein fui’n lagh so, chum umhlachd iomlan a thoirt na’n àite; an ti a bhagair san lagh so peanas a dheanamh air peacairean, dh’ fhuiling e fein gu cairdeil am peanas so air an son. Bha umhlachd iomlan do lagh na’m modhanna feumail, chum an lagh a dheanamh onorach chum glòir Dhe a nochdadh, agus mar eisiomplair d’a phobull; bha fulangais ag us bàs Chriosd feumail, chum firinn, ceartas agus naomhachd Dhe a thaisbeanadh gu soilleir. Rinneadh Criosd fui’n lagh, chum ainmheacha phobuill do’n lagh gu tur a phàigh, le bhàs choisinn e dhoibh, saorsa o pheanas agus maitheanas peacaidh, agus le umhlachd iomlan choisinn e cairdeas De agus sonas neamh. Feuch anis cia mòr a tha sin ann an comain Chriosd, a dh’fhàg gloir athair, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fui’n lagh, chum à [TD 181] phobull a dhion agus a thearnadh, ’nuair a bha ceartas De a’ gairm gu dian, a rusgadh a chloidheamh, chum am buille deireannach a thoirt, agus an sgrios gu siorrudh. ’Sfuar neo-mhothachail an cridhe, nach ’eil air a lassadh le gràdh, nuair a tha sinn a gabhail beachd do’n dearbhadh iongantach so air gràdh Chriosd. Ach chum beachd na’s soilleire a thoirt dhuibh do shaibhreas a ghràis, agus d’ar comainean lionmhor dha fiosraichimid ’san III. C’arson a dh’islich Criosd mar so e fein. ’Nuair a tha duine glic cumhachdach a’ deanamh ullachadh mòr, tha sinn do ghnàth a’ co-dhùnadh, gu bheil obair mhòr aige ra’ dheanamh. ’Nuair a rinn Dia a chumhachd agus a ghliocas ma seadh ullachadh co mhòr, ’nuair a dh’ islich a mhac aìr mhogh co iongantach e fein, bha obair ghlòirmhor gu cinnteach aige r’a dheanamh. Am briathraibh aith-ghearra, brioghmhor, tha an t-Abstol a’ cur an ceill na h-oibre chairdeil so, agus dh’ islich Criosd e fein air [TD 182] 1. Chum a phobull a shaoradh o’n lagh. ’Nuair a thoisich Criosd re obair chairdeil, bha clann Israel fuidh dhaorsa lagh na’n iobairtean, agus fuidh dhiteadh lagh na’m modhanna. Bha e feumail ma seadh chum an sonais, saorsa fhaotain uatha le cheile. Chaidh lagh nan iobairtean òrduchadh, gan stiùradh a dh’ionsuidh Chriosd, bha an iobairtean na’n samhladh air, agus ’nuair a dh’ ofrail esan iobairt iomlan, chaidh a chur air cùl, mar ni neo-fheumail, agus mar so choisinn è d’a phobull saorsa iomlan uaithe. Mar riaghailt-stiuraidh caithe’-beatha, cha d’thainig Criosd a sgrios lagh na’m modhanna, ach g’a choi’-lionadh, gidheadh mar chumhnanta beatha, choisinn e saorsa uaithe, air dha fein an umhlachd iomlan sin a thoirt seachad a bha an lagh ’g iarruidh. Agus o na bha an lagh a’dìteadh chum truaighe, agus ag òrduchadh peanas siorruidh a dheanamh air an dream, a bha gu ceannairceach, aingidh’ ga bhriseadh, shaor e mar an ceudna a phobull, o’n diteadh agus o’n pheanas so le fhulangas agus le bhàs. Mar so tha an t-Abstol so fein a’labhairt, shaor Criosd sinne o mhallachadh [TD 183] an lagha, air dha bhi air a dheanamh na mhallachadh air ar son; oir ata e sgriobhta, ’s malluichte gach h-aon a chrochar air crann. Air a chrann-cheasaidh mhalluichte, le fheoil a reubadh, le fhuil a dhòrtadh phàigh Criosd ainmheach pheacairean, agus choisinn e dhoibh gu cairdeil saorsa o sgrios. Dh’ fhuiling esan fearg Athar chum ’s gu’m mealladh iadsan a chairdeas, dh’ fhuiling cràdh agus bròn, chum ’s gum fuigheadh iad sòlas, dh’ fhuiling è doruinn, chum ’s gu’m fuigheadh iad sonas, dh’ fhuiling di-meas chum ’s gum fuigheadh iad glòir, dh’ fhuiling bàs chum ’s gu’m fuigheadh iad a bheatha mhairtheanach. Cia luachmhor ma seadh saorsa a chreidmhich, o na phàigh mac Dhe co daor air a shon. Ann an cosnadh so bha fhulangais co mhòr, bha naimhdeas na’n Judhach co aingidh, bha teicheadh a chairdean co nàrach bha neo-mhothuchadh dhaoine co iongantach, a’s gu’n d’fholuich a Ghrian car tamuil le oillt agus nàir’ a ghnùis. Ann an smuainteachadh, air an t-saorsa so a choisinn Criosd, abradh gach aon againn le cridhe iriosal, taingeil, dian-laiste le gràdh, Glòir gu siorruidh gu’n robh do ghaisgeach treun na’m buadh, a choisin [TD 184] mar so saorsa dhuinn. Ach dh’ islich Chriosd e fein ’san 2. Chum ’s gum fuigheamaid uchd-mhacachd na cloinne. Trid a pheacaidh, bha daoine air an sgaradh o chàirdeas, air an diteadh le lagh, agus air an tilgeadh a mach a teaghlach Dhe. G’an toirt air an ais na ionsuidh, thaisbein Criosd lagh na’n iobairtean, ghleidh e iad re ùine, mar thràillean agus mar sheirbhisich fui ’n lagh so, ach ann an coi’-lionadh na h-aimsir, thug e dhoibh saorsa uaithe, thug cuideachd saorsa o mhallachadh lagh na’m modhanna. Mar so choisrig e slighe, dh’ fhosgail dorus chum cairdeas Athar, agus thug e air an ais iad da theaghlach. Mar so an dream a bha roimhe, na’n cloinn do’n Abhairseir, na’n cloinn na h’eas-umhlachd, na’n oighreachan air truaighe, air sgàth Chriosd, tha iad air an gabhail a steach ann an aireamh, agus a’ mealtuin sochairean cloinne De. Air 1. Tha iad na’n cuspairean air a ghràdh àraidh. [TD 185] ’Nuair a bha daoine o shean, ag uchdmhacachdadh, no gabhail a steach da’n teaghlach clann an càirdean, no an luchd-eolais, bha iad do ghnath a’toirt gràdh dhoibh mar an clann fein. Air an doigh so, ged a bha pobull Chriosd aon uair na’n cloinn do’n Abhairsear, gidheadh, nuair a tha iad tridsin, air an gabhail a steach do theaghlach Dhe, tha esan a’toirt gràdh dhoibh mar a chlann àraid fein. Chà’n’eil gràdh a’s dian-laiste, a’s seasmhaiche no gràdh pharanta caomh da’n cloinn iomchuidh fein, agus ’se an gràdh so an iomlaineachd a tha Dia a’toirt da phobull. Tha esan a ’toirt caileigin do ghràdh, agus a’ deanamh math do’n chinne’-daonna gu leir, ach ’s iad deisciobuil Chriosd cuspairean a ghràidh àraid mar Athar, ’s iadsan a bhuineas da theaghlach, ’s iadsan a tha faotain a bheannachaidh, agus a’ mealtuin a chairdeis, anns gach inbhe agus staid. 2. Tha iad air an dìon le’n Athair. Tha pobull Chriosd air talamh air an coimeas re caoirich, Uain, colamain, agus clann òg, ceatuirean a tha ainmeil air son an [TD 186] ain-eolais, an anmhuinneachd meud an cunnairt, agus lionmhoireachd an naimhde. Ach ged a tha iad anmhunn annta fein, air an cuartachadh le iomadh namhaid, agus ann an luidhe re iomadh buaireadh, gidheadh tha Dia, mar an Athair, a’ gabhail cùram dhiubh agus do ghnàth ga’n dion le fhreasdal caomh, le ghairdein treun, le Spiorad agus le ghràs. Mar Uachdaran an domhain, tha neamh agus talamh, tha aingil agus daoine, tha muir agus tir, gach creatuir agus ni a tha ga’n aiteachadh, gu tur fuidh ughdaras an De bheo; agus gun a chomas cha n’urrain iad cron sam bith a dheanamh do chuirp no do anama a phobuill. Ann an cunnart ma seadh no am buaireadh, ann an trioblaid no ann an tinneas, ann an bochduin no ann an teinn air muir no air tir, am beatha no bàs bithidh pobull Chriosd tearuinte o sgrios, o na tha Dia fein do ghnàth ga’n dion, agus a’ toirt air gach ni coi’-oibreachadh chum an leas. 3. Tha iad air am beathachadh le’n athair. Nuair a tha daoine ag uchdmhachdadh cloinne, tha iad a’toirt lòn feumail agus foghlum [TD 187] ceart dhoibh; agus ceart mar so tha Dia gu cairdeil a’ beathachadh a chloinne araon an cuirp agus an anama. Bha ’m Manna agus an t-uisge, a fhuair clann Israeil, gu miorbhuileach san fhàsaich, nan samhla air an lòn a choisinn Criosd da phobull. Chum so a chosnadh air a chrann-cheusaidh, chaidh fheoil a reubadh agus fhuil a dhortadh; agus air an aobhar so tha e air ainmeach aran agus uisge na beatha. Air an là an diu theid comharan a chuirp agus fhola a fhrithealadh oirbhse, agus gach neach a dh’itheas dhiu ann an creidimh, gheibh iad lòn àraidh clann De, gheibh neart agus sòlas spioradail da’n anamaibh. 4. Tha iad nàn oighreachan air rioghachd an Athar. ’S onorach dàimh, ’sòlasach staid, agus ’s glòirmhor dochas pobull Chriosd, tha iad nan cloinn do Dhia, tha na’n oighreachan air, agus na’n comh-oighreachan maille re Criosd. Air talamh, tha iad a’ faotain amhàin roìmh bhlas air cairdeas an athar, ann an neamh meallaidh iad a chairdeas gu h-iomlan, gheibh iad uaithe [TD 188] sonas siorruidh. Bha clann uchd mhacdaichte o shean amhàin re tamul a ’mealtuin oighreachd an aithreacha, le bàs agus call an càirdean; ach meallaidh clann De araon làthaireachd an an athar agus an oighreachd gu siorruidh. Tha an oighreachd a’ gheibh iad uaithe, air a coimeas na fhocal ris gach ni air talamh, a tha luachmhor sòlasach, glòirmhor agus mairreanach. Tha i coi’-fhreagradh re glòir an Dia, a tha ga toirt seachad, ris a phrìs a phàigh Criosd air a son, agus re ghràdh do’n dream sin air am bheil e ga builleachadh. Nuair a tha sinn, le sùilean a chreidimh, a’ gabhail beachd do’n oighreachd so, maìlle re Peadar ’s còir dhuinn gu taingeil a radh. Gu ma beannuichtè gun robh Dia, agus athair ar Tighearna Iosa Criosd, neach a reir a mhòr thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beo-dhochas, tre ais eiridh Criosd o na marbhaibh, air oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalach, agus nach searg as, ata air a coimhead ’sna neamhaibh dhuinne ata air ar coimhead le cumhachd Dhe trìd creidimh chum slàinte. Mar so chi sibh, ciod a choisin Criosd le ìslicheadh agus le bhàs da phobull, choisin saorsa o thràillealachd agus o pheanas an lagha, choisin uchd- [TD 189] mhacachd na cloinne maille ris gach tiodhlaca a tha sruthadh o’n dàimh so. Cia sòlasach ma seadh staid a chairdean, cia cubhaidh dhoibh gàirdeachas a dheanamh ann. Deanamaid a nis foghnàdh on iomlan. Agus air 1. Ann an sgàthan fhocail, chunnaic sibh Criosd air an àm, air a cheusadh gu buirbeil, aingidh; agus an ùine ghrad ’se ar rùn, beachd a ghabhail deth, air sliabh. Chalbhari, na ordugh naomha fein. Nuair a chuala sibh sgeul air ìsleachadh, an robh sibh a’cuimhneachadh le aithreachas agus bron, gun robh làmh agaibh na fhulangais, agus na bhàs. Mo thruaighe, b’ iad ar peacaidh-ne, maille re cionta an t-saoghail, a thug e o neamh gu talamh, a thug e gu staid iosail bhochd, a rinn a bheatha trioblaideach, tuirseach, a thug guin do chorruich a naimhde, a rinn anam ro-bhrònach, a sharr e ris a chrann, a reub fheoil a dhòirt fhuil, a dh’ fholuich uaithe gnuis Athar, agus a thug an Deo as. ’Nuair a bha esan a fulang bàis, chuir an saoghal naturail chuir creatuirean nea-mhothuchail an ceill am [TD 190] bròn, agus choimh-fhuiling maille ris, ged a bha iad saor d’a bhàs. Mar so dh’ fholuich a Ghrian a ghnùis, reubadh brat-roinn an teampuill, chriothnuich an talamh, sgoilteadh na creagan, dh’ fhosgladh na h uaighean dh’ eirich na mairbh. A’ bheil sibhse na’s neo-mhothuchaile na Ghrian na’s cruaidh-chridhaichno na creagan, ann an codal na’s truime no na mairbh; mar ’eil ’s coir dhuibh a nis bròn a dheanamh airson bàs Chriosd. ’S coir a bhi brònach do bhrìgh gu’n d’fhuiling ar caraid Neamhaidh, ’s coir a bhi aithreachail, agus brònach do bhrigh gun do mheudaich ar peacaidh a chràdh, do bhrigh gu’n d’ fhuiling e air ar sonsa. Le fuath cridhe do’r peacaidhean, le bròn air an son le rùn an treigsin, le aithreachas treimh-dhireach, neo-chealgach mar a’s cubhaidh do phobull Chriosd, suidhibh sios an diu aig a bhòrd agus ceusaibh a naimhde uile na làthair. Mar mhàthair chaomh a’ caoineadh bàs cràiteach a h-aon ghin mhic bitheadh ar bròn domhuin seasmhach agus fior. 2. O na choisin Criosd saorsa agus uchd-mhacachd cloinne dhuibh, ’s coir do fhior [TD 191] aigneidh cloinne Dhe a bhi ’nise ’g oibreachadh ’nar n’anamaibh, thaobh ar n’ Athar ar slànuighear agus ar bràithre. A’ bheil natur agus rùn inntin clann De ma seadh agaibh? A’ bheil sibh iriosal, aithreachail brònach, do bhrigh gun do chuir sibh corruich air ar n’ Athair, agus gun do cheus sibh ar bràthair caomh? A’ bheil sibh a’ gràdhachadh ler n’uile chridhe ar n’Athair ar slànuighear, fhior-chàirdean agus an cinne-daonna gu leir? A’bheil sibh a’ cur làn earbsa an cairdeas De, ann an gràs Chriosd, mar thobar ar sòlais a nis agus sonais fa dheoigh? A’bheil sibh a’ deanamh gairdeachas, ann an duil ris an oighreachd ghlòirmhor a choisin Criosd? An e ar run oscionn gach ni buaidh fhaotain air ar naimhde, umhlachd a thoirt do Dhia, ainm Chriosd a ghlòrachadh, math a dheanamh d’ar bràithre, a bhi naomha ’nar cridheachan, diadhaidh ’nar giulan, sith mhealltuin ’nar bàs agus sonas fa dheoigh? Ma bhuineas sibh do Chriosd se so an rùn ’siad so na h-aigneidh is còir do’n bheachd a fhuair sibh air an àm do’n t-saorsa agus do’n uchdmhacachd a choisin esan, a dhusgadh agus altrum ’nar n’ anamaibh, agus mu tha an rùn agus na h-aigneidh so agaibh, [TD 192] tha Criosd a’ fosgladh a chridhe agus saibhreas a ghràis, chum lòn agus sòlas Spioradail a thoirt dhuibh aig a bhòrd. Mar a phobull dlùthaichibh anis ris, mar a chàirdean fosglaibh bhur cridhachan d’ar bràthair caomh; mar iolaire air a sgiathaibh, eiribh suas trid creidimh chum Neamh gu beachd soilleir fhaotain da ghlòir, gu neart agus sòlas fhaotain uaithe. Tha Dia, tha Criosd, tha an spiorad Naomh, tha Aingil, tha daoine na’m fianuisean ’nise oirbh, bithibh ma seadh treimh-dhireach, tairis dileas an obair sholeimte an là an diu, agus gu’n deonaiche Dia gu’m blàis gach neach a shuidheas aig a bhòrd, cia math agus cia milis Criosd, cia m’òr a thròcair, cia saibhir a’ghràs; agus da ainm-se gu’n robh a ghloir gu suthain siorruidh. Amen. [TD 193] SEARMOIN IX. EOIN I. 12. Ach a mheud ’sa ghabh ris, thug è dhoibh cumhachd a bhi ’nan cloinn do Dhia, eadhon dhoibh-san ata creidsinn ’na ainm. ANN an toiseach a chaibideil so, tha Eoin, an t-Abstol sin a ghràdhaich Chriosd gu h-àraidh, gu riachdail a’teagasg dhuinn, gur e Criosd mac siorruidh Dhe, gur e Cruithfhear agus Uachdaran an t-saoghail. Tha e air tùs a’labhairt mu dhiadhachd, agus le dhearbhadh gur e Dia, o na dhealbh e gach ni, tha e gar brosnachadh chum gabhail ris, agus earbsa chur ann mar ar slànuighear, agus sinn fein a thoirt dha, gu bhi air ar teagasg, air ar sàbhaladh, agus air ar riaghladh leis. Thuille air so [TD 194] tha an Soisgeulaiche ’g innseadh dhuinn, gur e Criosd solus, agus beatha an t-saoghail, an ti sin amhàin o’m bheil daoine a’ faotain eolas slàinteil, agus beatha spioradeil. An deigh so tha e a’ cur an ceill dhuinn, ciod an t-suim a ghabh an cinne-daonna do’n t-slànuighear ghloirmhor so, a thainig o Neamh d’an ionnsuidh; an saoghal, a dhealbh a làmh, cha d’ aithnich se e, agus na h-Judhaich, a phobull àraidh fein, dhiùlt iad gu h-aimideach gabhail ris. Bha na daoine sin gun amharus mi-thaingeil, crosda, a dhiùlt gibht do-labhairt De. Chum’s nach bi sibhse air ar mealladh chum an eisiomplair a leantuin, guidheam bhur n’ aire do shonas nan daoine sin a tha gu h-iriosal, taingeil a’ gabhail re Criosd. Ann an labhairt o na briathra so, tha mi cur romham. I. Fhiosrachadh ciod è gabhail re Criosd. II. Ciod a tha a chumhachd so a’ ciallachadh, a tha an dream sin a’ faotain, a tha gabhail ris. [TD 195] III. Ciod na sochairean a tha iad a’ mealtuin ann an lorg so, mar chloinn De. An deigh so ni sinn foghnadh iomchuidh. I. Tha mi gu fhiosrachadh ciod e gabhail re Criosd. Tha an Soisgeulaiche ag innseadh dhuinn ’nar ceann teagaisg, gu bheil gabhail re Criosd, no creidsin ’na ainm a’ ciallachadh an ni ceudna. ’Sè an ni, uime sin, a’s còir dhuinn fhiosrachadh, cionnas a tha sinn gu gabhail ris, no gu creidsin ann. Am briathraibh aithghearra, ’s còir dhuinn gabhail ris, agus creidsin ann, mar ar slànuighear uile-chumhachdach, uile-ghradhach. Ach a chum labhairt na’s min-chuisicheadh. 1. ’S còir dhuinn gabhail ris mar ar Fàigh. Ghabh Chriosd air fein o shiorruidheachd oifig eadar-mheadhonfhear eidir Dia agus daoine; agus mar ni a bhuineadh do’n oifig so, agus a bha ro-fheumail, gheall è fior eolas a thoirt dhoibh air toil De, agus air gach [TD 196] dleasdanas, a bha ceangailte orra-san a chur an gniomh. Mar an ti sin ata uile-fhiosrach, mar mhac siorruidh Dhe, mar an ti sin a thagh agus a dh’ òrduich an t-Athair, chum a thoil a nochdadh do’n chinne-daonna, bha Criosd gu cinnteach comasach gach ni a thaisbeanadh gu soilleir iomlan dhoibh, a’s còir dhoibh a chreidsin agus a dheanamh. O shean labhair Criosd re phobull trid fhàidhean agus a sheirbhisich eile; ann an laithibh fheola theagaisg e fein iad; ann an deigh so thaisbein e toil De dhoibh le Abstoil; agus tha e a nis a’ labhairt riu ’na fhocal, agus trìd a mhinisteirean. Tha gach ni a labhair Criosd fein, tha na nitheanna a labhair fhàidhean agus Abstoil, air iartas agus le ùghdaras, air an cruinneachadh re cheile ann an aon leabhar, da’n ainm am Piobul; agus tha è ceangailte oirne umhlachd na creideas a thoirt do gach ni, a tha san leabhar so air an taisbeanadh dhuinn. A nis mu tha sinn a’ creidsin nan nithe so ler n’ uile chridheachan, air teisteas Chriosd, tha sinn a’ gabhail rìs mar ar fàigh; agus tha e reusanta, dligheach dhuinn so a dheanamh gu toileach, taingeil. [TD 197] 2. ’S còir dhuinn gabhail re Criosd mar ar Sagart. ’Nuair a bha sliochd an duine, airson an ceannairc agus an eas-umhlachd, air an dìteadh le lagh, agus buailteach do chorruich Dhe, ghabh Criosd air fein nadur an duinne, chum cionta a phobuil a dhìoladh, agus chum lagh agus ceartas Athar a làn-thoilleachadh air an son. Mar so tha an t-Abstol Pol a’ labhairt, rinneadh esan do nach b’aithne peacadh, na iobairt-pheacaidh air ar soinne, chum gu’m bitheamaid-ne air ar deanamh ’nar fìreantachd Dhe ann-san. Le Criosd a thogail o na marbhaibh, agus le àrdachadh chum glòir, nochd an t-Athair gu’n robh e làn-thoilichte, leis an iobairt a dh’ ofrail, agus leis an dioladh a thug e airson cionta a pobuill. Chum’s nach leigeadh e ni sam bith air dearmad, a bhuineadh d’a oifig, dh’ ofrail Criosd ni amhàin iobairt, airson a phobuill, ach tha e anis, aig deas-làimh an Athar, a ghnath a’ deanamh eidear-ghuidhe air an son. A nis o na tha gach dearbha againn a’s urrain sinn iarruidh, gun do dhiol Criosd le umhlachd agus le bhàs, cionta gach neach a chuireas earbsa ’na iobart; agus [TD 198] gu bheil an t-Athair trìd eidir-ghuidhe-san a’toirt da phobull gach gibht agus tiodhlaca a tha iad a’mealtuin; ’s coir dhuinn gu cinnteach gabhail ris mar ar Sagart. Se Criosd amhain a b’urrain cionta a phobuill a dhioladh, agus sonas a chosnadh air an son, agus o na rinn e so, tha iadsan gun amharus dall, crosda, aimideach, mur ’eil iad gu taingeil a gabhail ris, agus a’ cur làn earbsa ann. 3. ’S còir dhuinn gabhail re Criosd mar ar Righ. O na cheannaich Criosd sinn le fhuil phriseil fein, agus o na thug an t-Athair uachdaranachd dha, thair gach ni ann an neamh, agus air talamh, tha e ceangailte oirne air gach doigh umhlachd a thoirt dha. Ann an deigh do Chriosd eirigh o na marbhaibh, labhair e mar so r’a dheisciobluibh, thugadh dhomhsa gach uile chumhachd air neamh agus air talamh; o so tha e soilleir gur esan uachdaran a chinne-daonna. A nis o na’ sè Criosd ar n’ Uachdaran dligheach, ’s còir dhuinn gach ni a dheanamh, a tha esan ag òrduchadh, agus gach àithne a [TD 199] choimhead a tha esan a’ taisbeanadh dhuinn. Cheannaich Criosd, le e fein iobradh air an son, a phobull gu h-iomlàn eidear chuirp agus anama, o bhàs agus o pheanas siorruidh; uime sin, ’s còir dhoibh iad fein a thoirt thairis gu h-iomlàn dhàsan, agus cumhachda an cuirp agus an anama a ghnàthachadh na sheirbhis. ’Se so an ni a tha Criosd ag iarruidh uainn, se so an ni a’s dligheach dha fhaotain, agus ma tha sinn a’ toirt so dha, tha sinn a’ gabhail ris mar ar Righ. Air an doigh so ’s còir dhuinn gabhail re Criosd na oifige gu leir, mar ar fàigh, ar Sagart agus ar Righ; agus ’s còir so a dheanamh gu h-aithreachail, le teas-ghradh, le làn-earbsa, gu toileach, treimh-dhireach agus taingeil. Fiosraichimid anis II. Ciod an cumhachd a tha Criosd a’ toirt do’n dream a tha gabhail mar so ris, cumhachd a bhi nan cloinn do Dhia. Trìd a pheacaidh, chaill an cinne-daonna an cumhachd a mheal iad air tus, teas-ghràdh, urram, agus umhlachd iomlàn a thoirt do Dhia, mar an Athair Neamhaidh, agus an [TD 200] Uachdaran dligheach. Ach mo thruaighe, thuit iad o’n staid so, thruaill an t-Abhairseir an nadur; le umhlachd a thoirt dhà-san dh’ fhàs iad lag, ain-eolach, crosda, ceannairceach, aingidh agus na’n coigrich do-fhior shonas, co mhath is na naimhde do Dhia. Thainig Criosd o neamh gu talamh, chum cionta a pheacaidh a dhìoladh, chum oibre an Abhairseir a sgrios, chum nadur an duine ath-nuadhachadh, agus a chum a neartachadh gu gràdh agus umhlachd a thoirt do Dhia. Gach neach a tha gabhail re Criosd, tha iadsan ann an lorg so air am fireanachadh gu saor le ghràs, air an glanadh na fhuil, air an gabhail a steach do theaghlach Dhe, air an ath-breith agus air an naomhachadh le Spiorad. Choisinn Criosd ni ’mhàin slàinte airson a phobuill, ach mar an ceudna an Spiorad, chum an t-slàinte so a chur riù, chum an nadur ath’-nuadhachadh, chum an deanamh umhal do Dhia, agus chum an treoruchadh ann an slighe na fireantachd. A nis tha an t-Abstol Pol ag radh, a mheud ’s ata air an treorachadh le Spiorad Dhe, is iad mic Dhe: oir cha d’fhuair sibh Spiorad na daor-sa a rìs chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad [TD 201] na h-uchd-mhacachd, tre an eighmid Abba, Athair. O so chi sibh gu bheil an dream sin; a tha gabhail re Chriosd, ni mhàin air an ghabhail a steach an cumhnanta re Dia, ach mar an ceudna gu bheil esan a’ gabhail agus a’ buntain riu mar a chlann fein, agus ga’n deanamh ’nan cloinn ghràdhach, umhal dha. ’Si so a chumhachd, a tha Chriosd a’ toirt do’n dream a tha gabhail ris, agus is ann an lorg so fhaotain, a tha iad ga’n giùlan fein, mar as cubhaidh do dheisciobluibh an t-Slànuighear, do phobull De; agus a’ mealtuin an t-solais, agus an t-sonais sin, a’s urrain a mhàin tograidh an anama a shàsachadh. ’Nuair a tha mac an duine a’ faotain na cumhachd so o Chriosd, tha e a’ cur earbsa ann-san a mhàin air son slàinte, tha e a’ roighneachadh Dhe mar a chuibhrionn, tha e ag iarruidh a chàirdeis os cionn gach ni, tha e a’ mealtuin ’n lorg so sochairean mòra, gràsmhor, priseil. Tha so ga’m thoirt air m’ aghaidh anns an III. Chum na sochairean sin a mhìneachadh, a tha clann De a’ mealtuin. [TD 202] Tha sochairean clann De co lionmhor, a’s nach urrain sinn an ainmeach uile, agus tha iad co phriseil, a’s nach urrain sinn an luach a chur gu ceart an ceill. Ach a chum mòr-chiocras ’nan deigh a dhusgadh nar cridheachan, bheir mi aoirrip cuid diu a nochdadh dhuibh. Anis tha an dream a tha gabhail re Criosd, agus a’ faotain cumhachd uaithe chum bhi ’nan cloinn do Dhia, ni ’mhàin air an saoradh o chionta agus o thraillealachd a pheacaidh, o dhìteadh agus o mhallachadh an lagha, ach tha iad mar an ceudna air 1. Nan cuspairean air freasdal agus curam àraidh an athar neamhaidh. ’S aithne do Dhia a chlann fein, agus tha e, mar athair caomh, gu h-àraidh curamach mu gach ni, a bhuineas dhoibh, agus a tha feumail chum an sonais. Tha freasdal De thar gach ni, tha a làmh uile-chumhachdach, chàirdeil, gu h-àraidh mu’n cuairt d’a chloinn fein, tha esan ga’n stiùradh le fhreasdal agus le ghliocas, ga’n dion o lochd, agus a’ builleachadh orra gach ni a tha e faicinn feumail air an son. Mar so tha Criosd a’ labhairt ruinn [TD 203] mu chaoimhneas agus mu ghràdh Dhe, m’ ata fhios agaibhse ata olc, tiodhlacaidh maith a thoirt d’ ar cloinn, nach mò na sin a bheir ar n’ athair ata air Neamh nithe maithe dhoibh-san a dh’iarras air iad. Tha Dia gun amharus a’ toirt gibhte do dhaoine, nach ’eil ga’n iarruidh, agus a’ gabhail cùram do dhaoine, nach ’eil taingeil dha, ach cha’n’eil e a’ toirt nan gibhte so dhoibh mar dhearbhadh air a ghràdh, cha’n’eil e mar an Athair a’ gabhail cùram dhiù. Ann an so ata mughadh mòr eidir clann De, agus daoin’ eile, gu bheil Dia a’ toirt a bheannachadh maille re ghibhte d’a chloinn fein, gu bheil e ga’n naomhachadh dhoibh, agus gu bheil iad nan geall-daighnich air gibhte a’s fhearr. ’Sòlasach, taitneach, staid an ti sin aig am bheil Dia mar Athair, feudaidh e a bhi deirbhte, nach leig e ni sam bith na charadh, ach chum a mhath, gu’m bi e do ghnàth teann air, agus gu’n gabh e do ghnàth cùram dhèth. 2. Tha clann De a’ mealtuin coimhchommun maille re’n Athair, agus tha comas aca itheadh aig a bhord. [TD 204] O na rinn Criosd iad rèidh re Dia, tha iad trìdsan mar an slighe a’ teachd chum an athar, tha iad a’ deanamh an uireasuibh aithnichte dha, agus a’ mealtuin coimhchomunn sòlasach maille ris. Air gach àm, agus anns gach staid, tha comas aca an ath-chuinge a chur suas re’n Athair Neamhaidh, ann an dochas re eisdeachd agus tiodhlacaibh feumail fhaotain uaithe trìd eidir-ghuidhe an Slànuighear. Tha Dia ni ’mhàin ann an ùrnuigh, ach mar an ceudna ’na ordunaibh, g’a nochdadh fein dhoibh ann an gràdh, agus a’ meudachadh an eolais air fein, an neart agus an coimhfhurtachd. Tha feum aig anamaibh dhaoine air beathachadh, co mhath re’n cuirp, tha Dia, ag ullachadh lòn spioradail air an son, tha e ga’m beathachadh le fhocal agus le ghràs. Fuidh ’n t-soisgeul tha Dia a’ toirt comas d’a chloinn suidhe sios aig a bhord fein, agus bàs an Slànuighear a chuimhneachadh, tha an t-aran agus am fion a tha iad a’ gabhail san t-sacramaint so, nan comharan air corp agus fuil Chriosd, no air an neart agus air an t-sòlas sin a tha esan a’ toirt do anamaibh a phobuill. Tha cuid a’ gabhail na sacrameint so nach buin do Dhia, agus aig nach [TD 205] ’eil còir biadh a chloinne fhaotain; tha daoine o ain-eolas air an staid a’ toirt comas dhoibh suidhe sios aig a bhord; ach cha’n’eil iad a’ faotain comas, no cuirre, no lòn spioradail o Dhia, aig am bheil fior-eolas air naimhdeas an cridheachan. ’S gràsmhor an t-sochair so, a tha clann De a’ faotain, tha iad a’ mealtuin coimhchomunn sòlasach maille re’n Athair Neamhaidh, tha tograidh an anama air an sàsachadh, tha iad air am beathachadh aig a bhord, tha e ’n so a’ togail orra dealradh glan a ghnùis chàirdeil, tha iad a’ faotain uaithe eolas, neart agus sòlas. 3. Tha clann De ’nan oighreachan air sonas siorruidh. Tha Dia, mar Athair caomh, ag ullachadh air son a chloinne, gach ni a tha feumail chum an deanamh sona, ni ’mhàin anns an t-saoghal so, ach mar an ceudna anns an t-saoghal a tha re teachd. Tha esan gu h-ullamh, gràsmhor a’ toirt dhoibh gach ni a choisin Criosd air an son; ’n lorg gabhail ris an, tha e ga’n deanamh nan cloinn do Dhia, agus ma’s clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus comhoighreachan maille re [TD 206] Criosd. Tha an Slànuighear a’ toirt d’a phobull ni ’mhàin còir air sonas Neamh, ach mar an ceudna ga’n deanamh iomchuidh chum bhi nan luchd coimhpàirt do oighreachd nan Naomh san t-solus. Tha spiorad De a’ deanamh fianais mar-aon ra’n spiorad-san, gu’m buinn an oighreachd so dhoibh, tha iad mar an ceudna air an seuladh leis; agus gach neach da’m bheil Dia a’ toirt a spioraid, agus a tha air an naomhachadh leis, tha so mar gheall-daighnich aca, gu’m meall iad an oighreachd sin a tha neo-thruaillidh, neo-shalach, agus nach searg gu bràth as. Gach neach a tha gabhail re Criosd, tha iad air an naomhachadh le Spiorad, agus gach neach a tha air an naomhachadh, tha iad le so a’ mealtuin roimh-bhlasadh air sonas Neamh, agus gach neach a tha mealtuin so, bheir Dia iad fa dheoigh chum glòir. Gheibh an dream so làn-shaorsa o pheacadh, o thrioblaid, agus o thruaighe, gheibh iad sonas co fharsuing re’m mianna, agus co mhairreanach re’n anama neo-bhàsmhòr; bithidh iad gu siorruidh an làthair Dhe, far am bheil làn-aoibhneas, agus aig a dheas-làimh, far am bheil mòr-shubhachas gu bràth. Mar so nochd mi dhuibh [TD 207] cionnas a’s còir dhuinn gabhail re Criosd, ciod an cumhachd a tha e toirt do’n dream a tha gabhail ris, agus ciod na sochairean a tha iad a’ mealtuin ann an lorg so. O na nithe a chaidh a radh, chi sibh, a mhuintir ion-mhuinn, cia mòr onoir, cia mòr sòlas, agus cia glòirmhor dochas a chreidmhich. ’Se Criosd gibht do-labhairt Dhe, tha e g’a thairgse gu saor dhuinn, agus o na ’s esan an tobar, o’m bheil gach tiodhlaca a’ sruthadh anuas dhuinne, gus an gabh sin ris fein, cha’n’eil còir againn air tiodhlaca sam bith talmhaidh no Spioradail. Air an dream sin a ghabh a cheana re Criosd guidheam amhàin, am beatha a chaitheadh mar as còir do chlann De, agus mòr thoradh a ghiùlan chum glòir an Athair neamhaidh, agus iad fein ulluchadh gu cùramach, chum bàs an Slànuighear a chuimhneachadh le taingealachd, agus teas-ghràdh. Ach ciod a their mi ris an dream sin, a tha nan coigrich do Chriosd, gun mhothachadh air a ghlòir, gun deigh air a ghràs, agus gun rùn am peacaidh a threigsin, agus iad fein a thoirt thairis dha. Tha staid nan daoine so gun amharus brònach, [TD 208] ged a tha iad tinn, tha iad a’ diùltadh slàinte, ged a tha iad bochd, tha iad a’ diùltadh saibhreis, ged a tha iad ain-eolach, tha iad a’ diultadh eolas slàinteil, ged a tha iad an cunnart truaighe shiorruidh, tha iad a diùltadh saorsa o’n truaighe agus o’n chunnart so. A dhaoine aimeadach, mosglaibh ann an tràth o chodal a pheacaidh, mu’n coidil sibh codal a bhàis; smuaintichibh air bhur cionta agus air bhur cunnart, ma dhiùlt sibh gabhail re Criosd air an àm a chaidh seachad, na deanaibh so ni’s mo, ach fosglaibh gu toileach dha dorsaibh bhur cridheachan, agus gabhaibh gu taingeil ris. Mar dean sibh so, cha’n’eil e ceaduichte dhuibh teachd a dh’ionnsuidh feisd a chàirdean, cha chuir esan faillte oirbh, cha nochd se e fein ann an gràdh dhuibh. Ach mu ghabhas sibh risan gu h-aithreachail, umhal, taingeil, ma chuireas sibh earbsa ann-san a mhàin airson slàinte, agus mu ghnàthaicheas sibh gu cùramach meadhonna nan gràs, gheibh sibh maitheanas, sòlas agus sìth, gheibh sibh gràs agus glòir. Mar gabh sibh re Criosd anis mar bhur fàigh, bhur sagart agus bhur Righ, ni esan peanas oirbh fa dheoigh mar bhur breitheamh; agus co a’s urrainn bhur dìona, [TD 209] nuair a lasas fearg an Uain, ’nar n’aghaidh? Mu dhìteas esan sibh, tha sibh gun amharus cailte gu siorruidh, agus ’s bochd an roghainn a tha sibh a’ deanamh, mu tha sibh a’ reic ar n’anama agus sonas Neamh, air son sòlas truaillidh, bàsmhor a pheacaidh. Guidheam oirbh aire a thoirt an tràth d’ar giùlan, agus gabhail re Criosd, fhad sa tha esan a’ feitheamh gu bhi gràsmhur ribh, chum’s gun d’thoir e cumhachd dhuibh a bhi ’nar cloinn do Dhia. [TD 210] SEARMOIN X. TAISBEAN, xix. 9. Agus a deir e rium, Scriobh, Is beannuichte iad-san ata air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain. ANNS a chaibideal roimhe so, tha an t-Abstol Eoin, le deachdadh Spiorad De, a’ roimh-innseadh leagadh Bhabiloin, agus a’ cur an ceill, cionnas a bhitheadh cumhachd agus glòir Dhe air an nochdadh ann an sgrìos na nàmhaid so. Ann am beachd dhaoine foghluimte, tha Babilon ann an so a’ ciallachadh baille no Roimhe, àrd-chaithir nam Pàpannach. O na thug aingidheachd Bhabiloin oilbheum do na h-Ainglibh, agus o na lot i gu minic, agus gu geur na Naoimh, tha Dia, ann [TD 211] an lorg a sgrios, ag radh riu, dean gàirdeachas os a ceann, O a Neamh, agus sibhse Abstola naomha agus fhàidhean, oir dhiol Dia sibhse oirre; agus do reir òrdugh, tha iadsan air an nochdadh dhuinn a’ seinn, laoidh mhollaidh agus aoraidh do Dhia. Ann an deigh so tha iad a’ faotain òrdugh laoidh eile a sheinn le h-urram agus le gàirdeachas, do bhrì gu bheil an Tighearna Dia uile-chumhachdach na Righ, agus do bhrì gu bheil pòsadh an Uain air teachd. Tha cuid a’ saoilsin gu bheil suipeir bhaìnnse an Uain a’ ciallachadh, an sòlas agus an sonas iomlan neo-thruaillidh sin, a mheallas na Naoimh fa dheoigh ann an Neamh. Ach o na tha coimhcheangal Chriosd re Eaglais air talamh, gu minic air a choimeas re pòsadh, agus o na tha an t-Aingeal ag òrduchadh do Eoin briathra ar teagaisg a scriobhadh fios, chum’s gu’m fuigheadh luchd-leanmhuinn Chriosd anns gach àl eolas orra, tha e na’s coslaiche gu bheil an t-suipeir-bhainnse a’ ciallachadh an solas, agus na tiodhlacaibh Spioradail sin, a tha esan a’ toirt do na creidmhich air talamh. Agus o na tha Criosd gu minic a’ toirt nan tiodhlacaidh so d’a phobull aig a bhòrd fein, feudaidh sinn [TD 212] gach ni, a tha ann an so air a radh mu shuipeir-bhainnse an Uain, gu ro mhath a choimeas re Sacramaint suipeir ar Tighearna. Ann an labhairt, uime sin, o’n cheann-teagaisg so, tha mi cur romham, trìd coghnadh Spiorad Dhe, I. Fhiosrachadh c’arson ata Criosd air a choimeas re Uan; agus c’arson a dh’fheudas sinn sacramaint an Tighearna a choimeas re suipeir-bhainnse. II. Co iad an dream a tha air an cuireadh chum na suipeir-bhainnse so. III. A nochdadh gu bheil iadsan gun amharus beannuichte. Ann an deigh so ni sinn foghnadh iomchuidh. I. 1. Tha Criosd air a ghairm Uan, o na bha Uan mar shamhla air, fuidh lagh nan iobairtean. [TD 213] Fuidh ’n t-sean tiomnadh bha iomadh seorsa do chreatuirean air an iobradh air son peacaidh dhaoine, agus bha iad uile nan samhla air iobairt, iomlàn Criosd. Ameasg gach creatuir air talamh, tha an t-Uan gu h-àraidh ainmeil air son macantas agus neo-chiontachd. Agus o na bha ar Slànuighear macant’ agus iriosal an cridhe, o na bha e neo-chiontach, neo-thruaillidh, agus neo-lochdach, tha e ann am focal De gu minic air a choimeas re Uan. ’S ann o’n chosamhlachd so a tha Criosd air ainmeach Uan De, agus o so mar air ceudna bha iobradh an Uain, gu h-àraidh na shamhla air an iobairt sin, a dh’ofrail Criosd air a chrann-cheusaidh. Anns an iobairt lathail fui’ ’n lagh, a bha iad a ghnath ag ofrail gu moch agus an-moch, cha robh iad ag ofrail creatuir sam bith eile ach Uan; agus bha so na shamhla air Criosd mar iobairt-reitich shiorruidh a phobuill, agus air fhuil-sa, a tha a ghnàth a’ labhairt air an son. Ann am feisd na càisg a chaidh òrduchadh mar chuimhneachan air saorsa clann Israeil o dhaorsa nan Eiphiteach, bha Uan a ghnath agus amhàin air iobradh. ’Nise o na bha saorsa chloinn Israeil, na shamhla air saorsa [TD 214] a chinne-daonna o thràillealachd a pheacaidh, bha an t-Uan a chaidh iobradh mar an ceudna na shamhla air Criosd; oir mar a bha clann Israel tearuinte o sgrios, ann an lorg fuil an Uain a chrathadh air an dorsaibh, mar so tha gach neach tearuinte o chorruich Dhe, a tha air an glanadh ann am fuil Chriosd. Thuill’ air so, tha an t-Abstol Pòl gu riachdail a’ dearbhadh gun robh an t-Uan càisg ’na shamhla air iobairt Chriosd, oir ata eadhon Criosd ars’ esan, ar n’ Uan càisg’ air iobradh air ar son. O na nithe so chi sibh, c’arson ata Criosd air a choimeas re Uan, tha mi anis gu nochdadh ’san 2. C’arson a dh’fheudar an t-sacramaint so a choimeas re suipeir-bhainnse. Tha an soisgeulaiche Matha ag innsidh dhùinn gu’n do shuidhich Criosd an t-sacramaint so, an deigh dha fein agus d’a dheisciobuil an suipeir a gabhail do Uan na càisg; agus tha so mar aon reusan, c’arson ata i air a h-ainmeach suipeir. Ann an talamh Iudea, agus ann an duthchaibh eile, gu h-àraidh ann an làithibh ar Slànuighear, bi an t-suipeir an [TD 215] lòn a b’fhearr agus bu phailte a bha daoine a’ faotain; aig fèisd na càisge cha robh e ceaduichte dhoibh lòn sam bith eile a ghabhail, agus ghabh iad an t-Uan càisg a ghnàth an deìgh luidh’ na grèine. Agus o na tha pailteas do na nithe a’s fhearr, agus a’s luachmhoire, chum anama dhaoine a bheathachadh air an ulluchadh le Criosd airson a phobuill san an t-sacramaint so, tha i so mar an ceudna air a h-ainmeach suipeir. ’S ann o iobairt Chriosd, agus trìd creidimh, a tha daoine a’ faotain lòn spioradail da’n anamaibh; agus do’n dream a tha gabhail na sacramaint so gu cubhaidh, agus le làn earbsa annsan, tha esan gu gràsmhur a’ toirt maitheanas, na’m peacaidhean, coghnadh a Spioraid chum fa’s ann an eolas agus ann an gras, neart chum an dleasdanais a chur ann an gniomh, agus a’ daighneachadh an rùin chum am peacaidh a threigsin, agus chum gràdh agus umhlachd a thoirt do Dhia. Tha Criosd mar an ceudna a’ toirt dhoibh aig a bhòrd, gliocas ga’n stiùradh ann an slighe na fìreantachd, cruadal chum cogadh an aghaidh an Abhairseir, agus chum an ain-mianna feolmhor a mharbhadh, foighidin chum nithe trioblaideach na beatha [TD 216] so a ghiùlan, agus gach ni eile a tha feumail, ga’n neartachadh chum am beatha a chaitheadh gu cubhaidh d’a Shoisgeul fein. Ach feudar an t-sacramaint so a choimeas ni ’mhàin re suipeir, far am bheil càirdean Chriosd a’ faotain lòn no eolas agus neart; ach mar an ceudna re suipeir-bhainnse, far am bheil iad a’ faotain sòlas, sìth agus aoibhneas. Aig suipeir-bhainnse ’measg dhaoine, tha gach ni am bi’-chiontas air an ullachadh, a tha coimhfhreagradh chum a chuideachd a dheanamh sòlasach, ait, agus subhach. Agus aig suipeir-bhainnse an Uain, tha Dia ’g ulluchadh airson anama dhaoine, agus gu fial a’ toirt dhoibh, gach ni a tha feumail chum an deanamh subhach, ait agus aoibhin. Aig an ordugh naomha so, tha e gu minic a’ nochdadh dhoibh, gu bheil e rèidh riu, tha e a’ labhairt sìth re ’n anamaibh, agus a’ togail, orra dealradh glan a ghnùis chàirdeil, tha e a’ nochdadh dhoibh gur iad a chlann, agus tha e a’ toirt dhoibh geall-daighnich an Spioraid, mar dhearbha gu bheil iad nan oighreachan air sonas Neamh. Anis o na’s ni deirbhte è, o fhein-fhiosrachadh nan Naomh ann ’s gach [TD 217] àll, gu bheil na nithe so air am builleachadh air pobull Chriosd aig a bhòrd fein, agus gu bheil iad a’ toirt mòr-shòlas, agus mòr-aoibhneas da’n anamaibh, bha deadh reusan aig an Abstol Eoin an t-sacramaint’ so a choimeas re suipeir-bhainnse. Mar so nochd mi dhuibh, c’arson ata Criosd, ’nar ceann teagaisg, air a choimeas re Uan, agus an t-sacramaint sin a shuidhich e na Eaglais re, suipeir-bhainnse. Tha mi nise dol air m’aghaidh anns an 2. Gu fhiosrachadh co iad an dream ata air an cuireadh chum na suipeir-bhainnse. Cha’n’eil daoine am bi’-chiontas a’ cuireadh chum bainnis, ach an càirdean agus an luchd-eolais amhàin; air a mhogh cheudna cha’n’eil Criosd a’ cuireadh chum a shuipeir-se, ach a chairdean fein amhàin, agus an dream sin aig am bheil eolas slàinteil air. Chum’s gu’m meal a chuideachd, a tha aig an fhèisd ghràidh so, sòlas agus sith, tha e feumail gu’m bi iad uile rèidh re cheile; ’s iad càirdean ’mhàin na’m measg fein, a tha air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain. Ann an Soisg- [TD 218] eul Mhata, Caib. 22. tha sinn a’ leughadh ma dha sheorsa do dhaoine, cuid a fhuair cuire chum bainnis, agus cuid eile chum suipeir-bhainnse an Uain. 1. Fiosraichimid co a tha air an cuireadh gu bainnis an Uain. Mar a dh’innis mi dhuibh a cheana, tha an co’-cheangal a tha eidir Criosd agus Eaglais, gu minic air a choimeas re pòsadh ann am focal De. ’Nis’ o na tha e na ni soìlleir, so-thuigsin do gach neach, gu bheil Eaglais Chriosd a’ ciallachadh a phobull air talamh, tha iadsan uile air an co’-cheangal ris mar gu’m beadh am bannaibh-pòsaidh a tha creidsin n’a ainm, no a gabhail ris, mar a tha e air a thairgse san t-soisgeul; agus tha iadsan uile air an cuireadh gu bhainnis, a tha a’ faotain tairgse nan gràs. Tha tairgse nan gràs, air an laìmh eile, air a deanamh gu saor do gach neach, a tha cluintin fuaim aoibhneach an t-soisgeil; uime sin, tha gach neach a tha air am baisteadh an ainm Chriosd, agus a tha ’n lorg so na’m buill d’a Eaglais fhaicsionnaich air talamh, air an cuireadh an ’taobh amuigh [TD 219] gu bainnis an Uain. Si a bhainnis so, an co’-cheangal dlù càirdeil, mairreanach sin, a tha, trìd creidimh, air a dheanamh suas, eidir Criosd agus a phobull; agus o na tha Criosd comasach agus toileach gach neach a shàbhaladh, tha e gu gràsmhor a toirt cuire’ do gach neach, a tha cluintin sgeul air, teachd na ionnsuidh, gabhail ris, agus creidsin na ainm. ’Nise mu tha sinne, o mhothuchadh ceart d’ar cionta fein, agus do iomlaneachd glòirmhur Chriosd, a’ gabhail risan, mar ar fàigh, ar Sagart agus ar Righ, mu tha sinn a’ creidsin a theagaisg, a’ cur làn-earbsa na iobairt airson maitheanas, sìth agus sonas, agus ma tha sinn toileach umhlachd threimh-dhìreach a thoirt da àitheantaibh, tha sinn gun amharus air ar pòsadh, no air ar co’-cheangal ’trìd creidimh re Criosd. O so chi sibh, gu bheil gach neach, gu bheil na peacairean a’s mugha air an gairm gu bainnis an Uain, no, gu bheil Criosd gu saor a’ tairgse slàinte do gach neach, agus a’ guidhe orra teachd na ionnsuidh agus gabhail ris. Fiosraichimid anis ’san [TD 220] 2. Co a tha air an cuireadh gu suipeir-bhainse an Uain. Tha mugha mòr eidir cuireadh an taobh a muigh chum teachd an ionnsuidh Chriosd, agus cuireadh teachd na ionnsuidh chum sochairean a phobuill a mhealtuin, agus lòn spioradeil d’ar n’anamaibh fhaotain uaithe. Tha Criosd fein ag innseadh dhuinn, gu bheil mòran air an gairm, ach beag air an taghadh. Tha gach neach air an cuireadh gu bhainnis, ach cha’n’eil ach a chàirdean amhàin air an cuireadh gu shuipeir-bhainnse. ’S còir ann an so a thoirt fainear, ged a tha mòran air an cuireadh gu bhainnis, nach ’eil air an cuireadh gu Shuipeir, gidheadh nach ’eil a h-aon air an cuireadh gu Shuipeir, ach an dream a bh’aig a bhainnis. Tha so a’ ciallachadh, gur eigin dhuinn air tùs gabhail re Criosd fein, agus gur ann an lorg so amhàin, a tha e a’ toirt tiodhlacaibh spioradeil dhuinn. Tha Criosd agus a ghibhte do-sgaraidh, agus gus am bheil e fein a’ faotain seilbh air ar n’ anama, cha’n’eil e ga’n neartachadh le aran na beatha, cha’n’eil e a’ labhairt sìth riu, cha’n’eil e a’ toirt solas agus aoibhneas [TD 221] dhoibh. Ann an cosamhlachd bainnis mhic an Righ, a tha air chur sios Matha 22. a dh’ainmich mi roimhe, tha Criosd a’ toirt dhuinn dearbhadh riachdail air an fhìrin so. Ameasg nan aoidheachan a thainig chum na fèisd a dh’ullùich an Righ air son bainnis a mhic, bha neach àraidh gun truscan na bainnse, se sin re radh, nach robh aig a bhainnis; co luath sa mhothuich an Righ an neach so, an àit’ comas a thoirt dha, itheadh aig a bhord maille re càch, las a chorruich suas ’na aghaidh, dh’orduich e d’a sheirbheiseachaibh air ball a cheangal, agus a thilgeadh an iomall dorchadais. Tha truscan na bainnse a’ ciallachadh fìreantachd Chriosd, tha gach neach a tha creidsin ann-san a’ faotain còir air fhìreantachd, no air an sgeudachadh leis an truscan so, agus is ann do’n dream so ’mhàin a tha Dia a’ toirt cuireadh suidhe sios aig a bhord. Air an làimh eile, tha Dia sa chosamhlachd so a’ teagasg dhuinn, nach fhuigh an dream sin lòn spioradeil, ach gu bheil iad a’ toiltin peanas, agus an cunnart sgrios, a tha gu dàna a’ teachd gu suipeir a mhic, gun chreidimh ’na ainm, agus gu’n bhi air an sgeudachadh le fhireantachd. O [TD 222] na nithe so tha e soilleir, gur iad an dream sin amhàin, o tha air an coimhcheangal re Criosd trìd fior chreidimh, agus a thug iad fein thairis gu h-iomlan dha-san, gu bhi air an sàbhaladh agus air an riaghladh, leis a tha gun amharus air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain. Chum’s nach duisg sinn eagal an inntin nan creidmheach anmhunn, agus chum’s nach d’thoir sinn misneach do pheacairean dàna, bheir mi beachd eile dhuibh do’n ni chudthromach so. Tha giùlan agus caithe’-beatha dhaoine gu riachdail a’ dearbhadh, nach ’eil iad uile a’ creidsin an Criosd, agus an dream nach ’eil a’ creidsin ann-san, tha iad nan naimhde do Dhia, agus nan seirbhisich do’n Abhairseir. An dream, uime sin, a tha nan naimhde do chrann-ceusaidh Chriosd, a tha cur doilghios air a Spiorad, agus a tha le dimeas a’ diùltadh tairgse nan gràs, cha’n’eil iadsan air an cuireadh gu shuipeir. Ach an dream sin a tha mothuchadh an cionta agus an cunnart, a tha re bròn air son an eas-umhlachd, a tha air an deanamh rèidh re rathad na slàinte trìd fuil Chriosd, a tha gabh- [TD 223] ail ris ’na oifige agus ’na àitheantaibh gu leir, agus a’ cur cùl ris gach bunait dochais sam bith eile, ge b’e ciod an staid no am peacaidhean air an àm a chaidh seachad, tha Criosd ’nise gu gràsmhor ga’n cuireadh gu shuipeir, do bhrì ga’n robh iad aig a bhainnis. Ach ’s còir dhuinn ann an so a thoirt fainear, gu’m feud eadhon fior-dheisciobuil Chriosd a bhi an amharus mòr mu dheimhin an staid fein, agus an dàimh risan; agus o na chaidh a radh feudaidh iad a shaoilsin nach ’eil còir aca-san air sochairean Spioradeil a phobuill. Ga’n saoradh o mhearrachd mu’n ni so, tha barrantas againn innseadh dhoibh, ged nach ’eil dearbhadh riachdail aca, gur iad deisciobuil Chriosd, gidheadh mu tha iad toileach am peacadh a threigsin, agus iad fein a thoirt thairis gu h-iomlan do Dhia trìd an t-Slànuighear, s’ còir dhoibh so a dheanamh air tùs, agus an deigh so an cumhnanta a shèuladh le bòidean aig bord an Tighearna. Tha Criosd a’ toirt comas agus cuireadh do’n dream so teachd na ionnsuidh, tha esan ag ulluchadh lòn spioradeil air son a leanabaibh, co mhath ’s airson nan daoine laidir; agus mu thig iad gu shuipeir le bròn le creidimh, [TD 224] agus le ciocras, buinidh esan gu gràsmhor riu. Mar so nochd mi dhuibh c’arson a dh’fheudar sacramaint an Tighearna a choimeas re suipeir-bhainnse, agus co iad an dream a tha air an cuireadh chum na suipeir so. Tha mi a nis gu dhearbhadh san III. Gu bheil an dream sin gun amharus beannuicht’ a tha air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain. Nochd mi dhuibh a cheana, nach ’eil Criosd a’ cuireadh neach sam bith, ach fior-chreidmhich, ach a chàirdean fein amhàin. A nis’ o na’s ni deirbhte e gu bheil fior-chreidmhich air an saoradh ni ’mhàin o chionta a pheacaidh, agus o pheanas siorruidh, ach mar an ceudna air an deanamh rèidh re Dia, agus nan oighreachan air sonas Neamh; tha eadhon an staid a’ nochdadh dhuinn, gu bheil iad gun amharus beannuichte. Oir ma’s e am peacadh a tha ’a deanamh ar natuir neo-ghlan, agus neo-thaitneach am beachd Dhe, ma’s se so màthair-aobhair gach triobloid a tha sinn a’ fulang, agus gach truaighe da’m bheil sinn buailteach; mu tha [TD 225] na creidmhich air an glanadh am fuil Chriosd o shalchar a pheacaidh, mu tha iad air an dionadh leisin o pheanas, agus o thruaighe, agus a’ mealtuin càirdeas De slàinte, sòlas agus sonas an anama, tha an staid gu cinnteach sonadh. Co a’s urrainn sonas nan creidmheach a chur gu ceart an ceill. ’Se Dia an Athair, agus an caraid caomh, se Criosd am bràthair agus an Slànuighear, tha an Spiorad Naomh’ a’ gabhail comhnuidh annta agus tha na h-Aingil threun gu càirdeil a frithealadh dhoibh. Tha iad beannuichte na’n anamaibh, oir tha iomhaigh Dhe air ath-nuadhachadh orra; tha iad beannuichte nan cuirp, oir tha iad air an neartachadh chum am buill a thoirt nan armaibh fìreantachd do Dhia. A ris, tha iad beannuichte nan onoir, agus nan stòras, oir tha Dia ga’n sdiùradh agus gan neartachadh chum feum ceart a dheanamh dhiu; tha iad beannuichte na’m bochduin agus nan triobloid, oir tha Dia ga’n naomhachadh dhoibh. Do reir mar a tha iad a’ fàs ann an eolas slàinteil, ann an gràs, ann am maitheas, agus ann an naomhachd, tha iad sona air talamh, agus ann an Neamh far am bi iad foirfe ann an eolas, agus ann [TD 226] an naomhachd, bithidh iad gu h-iomlan sona. Tha an dream a tha Criosd a’ cuireadh gu shuipeir air gach doigh sona, beannuichte, tha iad sona do bhrì gu bheil iad air an coimhcheangal risan, tha iad sona annta fein; tha iad beannuichte do bhrì gu bheil iad nan oighreachan air glòir agus sonas Neamh; agus tha esan ga’n cuireadh gu shuipeir-bhainnse, chum an gràsa a neartachadh, agus chum an sonas a mheudachadh. ’Nise mur ’eil sinn a’ creidsin, gu bheil na daoine so beannuichte, ’n dèigh dhuinn beachd a ghabhail da’n staid, tha dearbhadh riachdail eile againn air an ni so, dearbhadh nach urrain sinn a dhiùltadh, mu tha sinn a’ creidsin gu bheil Dia fior. Le òrdugh a h-aon do aingil Dhe, agus le deachdadh a Spioraid, tha an t-Abstol Eoin nar ceann-teagaisg ag radh, Is beannuicht’ iadsan a ’ta air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain; agus chum’s nach bitheamaid ann an amharus sam bith mu’n ni so, tha e mar an ceudna ag radh, Is iad so briathra fìrinneach Dhe. Mu tha sinn a’ creidsin gu bheil Dia uil’-fhiosrach, ’s eigin dhuinn aideachadh gu bheil fhios aige, ciod a ni an cinne-daonna [TD 227] sona; agus mu tha esan ag ràdh, gu bheil an dream a tha faotain na cuire so gun amharus beannuichte ’s dàna an ni do chreatuirean an ni so aicheadh, ’s aingidh crosda an ni breugaire a dheanamh do Dhia na fìrinn. Anis o na tha ar reusan fein, fein-fhiosrachadh nan creidmheach anns gach àll, agus focal fìrinneach Dhe ag innseadh, agus a’ teagasg an ni ceudna dhuinn, tha gach dearbhadh againn a’s urrain sinn iarruidh no fhaotain, gu bheil an dream sin gun amharus beannuichte a tha air an cuireadh gu suipeir-bhainnse an Uain. Mar so thug mi aoirrip a nochdadh dhuibh, c’arson a dh’fheudar sacramaint an Tighearna a choimeas re suipeir-bhainnse, co a tha air an cuireadh na h-ionnsuidh, agus gu bheil iadsan sonadh beannuichte. Coimh dhunamaid anis le foghnà iomchuidh. 1. O na chaidh a radh, chi sinn co iad an dream sin a tha air an cuireadh, agus aig am bheil barrantas teachd, gu bòrd an Tighearna; agus ’s iad so a mhuintir sin a tha [TD 228] creidsin anns an t-Slànuighear, agus a tha air an deanamh rèidh re Dia trìd-sin. ’S ann airson a dheisciobuil fein amhàin, a tha Criosd ag ulluchadh na fèisd ghràidh so, agus ’s ann orra-san a mhàin a tha e a’ builleachadh tiodhlacaibh Spioradail aig a bhòrd. Ach ’s còir ’n so a thoirt fainear, gu bheil ni ’mhàin an dream sin nan deisciobuil do Chriosd, a fhuair seula an Spioraid, agus dearbhadh riachdail gu bheil iad air am fìreanachadh, ach mar an ceudna a mhuintir sin, a tha toileach gabhail ris, umhlachd a thoirt dha, agus earbsa a chur ann, mar am fear-teagaisg, an iobairt-reitich, agus an Uachdaran dligheach. Do’n mhuintir so uile agus dhoibh-sin amhàin tha e ceaduichte suidhe sios aig a bhord. 2. Feudaidh sinn fhoghlum o na chaidh a radh, ciod na tiodhlacan agus na sochairean, ris am feud dùil a bhi aig an dream sin, a tha gabhail na sacramaint so gu h-iomchuidh. Chum ocras agus tart a phobuill a shàsachadh, tha Criosd gu gràsmhor ag ulluchadh, tha e gu càirdeil a’ toirt dhoibh aig a bhòrd, lòn agus sòlas spioradail da’n anamaibh. [TD 229] Bheir esan a chuibhrionn sin d’a ghràs do gach neach, a tha e faicinn feumail air an son, ga’n neartachadh chum dol air an aghaidh ann an slighe na fìreantachd gus gach triobloid a ghiùlan, a chuireas esan ’nan caraibh, agus chum gach dleasdanas a chur an gniomh a dh’òrduicheas esan dhoibh. Cha’n’eil Dia gun amharus a’ toirt do gach neach, an taisbeanadh as riachdaile air a ghràdh, an taisbeanadh sin a tha so-mhothuchail, agus a tha gineamhuin aoibhneas Spioradail san anam, tha e a’ toirt so am bi-chiontas do’n dream sin amhain a tha laidir ann an creidimh, agus tarbhach ann deadh oibribh. Ach ged a tha Dia a’ diùltadh an t-sòlais so dhuinn, gidheadh cha’n’eil aobhar bròin no gearrain againn, mu tha sinn a’ faotain beachd na’s soilleire dar dleasdanais, agus do ghràinealachd a pheacaidh; mu tha ar fuath do’n pheacadh na’s mugha, agus ar rùn a threigsin na’s neartmhoire; mu tha ar gràdh do Dhia, agus do dhaoine air a dheanamh na’s dian-laiste agus na’s tarbhaiche. Mu si so ar staid, feudaidh sinn a bhi deirbhte, gu’n do mheal sinn comhchomunn maille re Dia, ged nach robh e so-mhothuchail; agus gun d’fhuair [TD 230] sinn na tiodhlacaidh a’s feumaile air ar son, ged nach d’fhuair sinn na tiodhlacaidh a’s sòlasuiche agus a’s taitniche. 3. Feudaidh sinn fhoghlum o na chaidh a radh, ciod na h-aigneidh leis an còir dhuinn teachd, chum bòrd an Tighearna. O na tha gach dearbha againn a’s urrain sinn iarruidh, gu’n do shuidhich Criosd an t-sacramaint so, chum tiodhlacaibh Spioradail a thoirt d’a phobull, agus gu bheil e comasach agus toileach so a dheanamh ’s còir dhuinn suidhe sios aig a bhord le creidimh, le dochas, agus le làn-earbsa na chumhachd agus na ghràdh. O na se Criosd tobar ar sonais, o na tha gach ni aige a tha feumail chum sinne a dheanamh sona, araon anis agus gu siorruidh, agus o na tha e a’ tairgse nan nithe so dhuinn; ’s còir dhuinn ar cridheachan fhosgladh gu farsuing dha, agus gàirdeachas a dheanamh ann, mar ar cuibhrionn, mar ar Slànuighear, mar an ti sin ata uile-mhaiseach, uile-mhaith, agus uile-ghradhach. ’S còir dhuinn mar an ceudna bàs ar Slànuighear fhoillseachadh le bròn agus doilghios airson ar peacaidhean, o na b’iadsan mathair-aobhair fhulangais agus [TD 231] a bhàis; agus le taingealachd agus teas-ghràdh air son na rinn agus na dh’fhuiling e air ar son. O cia beannuichte, sòlasach a bhitheadh ar staid, na’m b’urrain gach h-aon a shuidheas fios aig bòrd an Tighearna air an là an diu, a radh gu treibh-dhireach maille re Daibhidh; mar thogras fiadh na sruthain Uisg, mar so ata m’anam a’ ploscartaigh ad’ dheigh-sa, o Dhe, ata tart air m’anam an geall air Dia, air an Dia ’ta beo. Gun deonaiche Dia gu’m bi cridheachan mhòrain a’ labhairt na’m briathra so, agus gu’m bi na nithe, a chaidh anis a radh o fhocal air am beannachadh dhuinn, agus d’a ainm naomha-sa gu’n robh a ghlòir anis agus gu siorruidh. Amen. [TD 232] SEARMOIN XI. ROMH. iv. 12. Neach a thugadh thairis air son ar ciontaidh-ne, agus a thogadh suas a-ris airson ar fireanachaidh. MAR chreatair ciontach, truaillidh, tha an duine air seacharan o Dhia, tha e na thraill dìblidh do’n Abhairseir, tha e na choigreach do shòlas Spioradail, do fhior-shonas. ’S ann mu’n cholluin, agus mu nithe talmhaidh amhàin, a’ tha e a’ gabhail cùram, tha anam agus nithe Spioradail gu tur as aire, tha iad gun mhaise, agus gun luach na bheachd. Tha am peacair, mar mhac strothail, air ruidh air falbh o theaghlach Athar, tha e gu h-aimideach a’ caitheadh a mhaoin, tha e gu h-ain- [TD 233] gidh a’ deanamh toil a naimhde. Le cumhachd a pheacaidh, tha inntin gun solus, tha thoil air claonadh chum an uilc, tha a chogais na tosd, a chridhe gun mhothuchadh, aigneidh truaillidh, agus ain-mianna a’ leònadh anama. Fhad sa tha an duine anns an staid so, tha e ag iarruidh sonais, far nach ’eil e re fhaotain, tha e gu’n Dia agus gun dochas anns an t-saoghal, tha anam priseil a’ bàsachadh dhìth lòin ’nuair a tha an fheoil air a h-altrum le cùram. Ach tha ’n duine, ni ’mhàin gun sòlas, agus air a sgaradh o Dhia, trìd a pheacaidh; ach tha e mar an ceudna fuidh chorruich an uile-chumhachdaich, agus gach mionaid an cunnart sgrios. Tha chionta a’ toirt oilbheum do cheartas, agus a thruailleachd do naomhachd Dhe; agus an lorg a cheannairc, tha e air a dhìteadh, gu peanas, le lagh. Mar neach na chodal air mulach craige, agus a naimhde guineach na thoir, gu thilgeadh thairis air ball; ceart mar so tha am peacair, gun charaid treun ga thearnadh, theid a sgrios. Anis o na tha sinn uile, thaobh natuir, air ar diteadh le lagh Dhe, agus ea- [TD 234] comasach sinn fein a shaoradh: ’s còir dhuinn fhiosrachadh le mòr-churam, ciod a rinn Dia, chum ar cionta a dhioladh, agus ar n’ anama a dheanamh sona. ’S iad so na nithe, a tha ’n t-Abstol a’ cur an ceill, agus ’se ar rùn, le coghnàdh Dhe, am mìneachadh dhuibh. Thugamaid fainear an 1. Co an Ti a chuir an t-Athair d’ar n’ ionnsuidh. Tha ’n t-Abstol, ’nar steidh-teagaisg, a’ labhairt mu neach àraidh; agus chi sibh o’n rann roimhe so, gu’m b’e an neach sin, Iosa ar Tighearna. Tha an t-ainm Iosa a’ cur an ceill, gu’n d’òrduich an t-Athair e, chum anama a phobuil a thearnadh agus a leughas. Tha ’n Tighearna a’ ciallachadh, gur e Uachdran dligheach an domhain, agus gu bheil e ghnàth a’ riaghladh an Neamh shuas, agus air talamh a bhos. Tha Iosa a’ cur an ceill a rùn; agus an Tighearna a chumhachd, chum ar deanamh rèidh re Dia, agus ar n’ ullachadh fa chomhair Neamh. Tha Iosa a’ teagasg dhuinn a natur mar dhuine; agus an Tighearna a chumhachd, mar Dhia, chum [TD 235] slàinte a bhuilleachadh oirn, thair bolg ar naimhde gu leir. B’e so an neach, a bha an uchd an Athar, agus a sheas ’suas air ar son eadhon o shiorruigheachd. B’e-san tobar sòlais, agus cuspair dochais na’m fàidhean agus nan Naomh, fuidh ’n t-sean tiomnadh; b’ann na ainm-se, a bha iad a’ creidsin, agus b’ann trìd-sin a bha iad a’ faotain gach tiodhlaca talmhaidh agus Spioradail. B’e so an Ti, a nochd e fein ann an coimhlionadh na h-aimsir, a ghabh air natur an duine, a thaisbean toil De, a chuir eisiomplair iomlan romhain, a rinn agus a dh’fhuiling gach ni, a dh’orduich an t-Athair dha. O na nitheanna àraidh, a thachair do Chriosd air an ainmeach ’nar stèidh-teagaisg, ’thugamaid fainear ’san 2. Cionnas a thug an t-Athair thairis e. Cha’n’eil e air ainmeach, ’nar stèidh-teagaisg, co a thug thairis Criosd; ach tha e air innseadh dhuinn, an iomadh earran eile d’a fhocal, gu’r e an t-Athair, le làn toil fein, a thug thairis e. Mu ghiulan an Athar, ’s iad [TD 236] so briathra Phoil, an Ti nach do chaomhain a mhac fein, ach a thug thairis e air ar soin-ne uile; cionnas nach d’thoir e mar an ceudna dhuinn, gu saor, na h-uile nithe maille ris-an? Tha Criosd a thoirt thairis a’ cur an ceill, gu’n d’òrduich an t-Athair e chum am peanas sin fhulang, ’na chorp agus ’na anam, a thoill peacairean; agus b’iad am peanas so fhulangais chràiteach, agus a bhàs nàrach fa dheoigh. Am bheil sibh a’ feoraich, co no ciod gus an d’thug an t-Athair thairis e? Cha’n’eil an t-Abstol gun amharus ag innseadh so, ni mò b’ urrain e sin a dheanamh, gun eachdaire Chriosd aithris gu leir, eadhon o bhreith gu bhàs. Thugadh thairis e ’n tùs do bhroinn na h-òighe Muire; agus air an àm sin thoisich fhulangais, thoisich an Teampul sin re bhi air a dhealbh, a chaidh a reubadh air sliabh Chalbhari. Am broinn a Mhathar, ’na bhreith, an àm òige, agus ’nuair a thainig e gu aois, thugadh thairis e do gheur-leanmhuinn do thinneas, do bhochduin, do bhròn, do bhuaireadh, agus do mhasladh. [TD 237] ’Nuair a thoisich e re obair àraidh air talamh, thugadh thairis e do anacaint pheacairean; do mhì-rùn, do chùl-chàineadh, agus do naimhdeas nan Iudhach; agus gu cath cruaidh an aghaidh an Abhairseir. Ann an deireadh a laithe, thugadh thairis e do Iudas a bhrath e gu cealgach; do na h-àrd-Shagartaibh a thug tamailt dha; do Herod agus d’a luchd-cogaidh a chuir crùn droighin m’a cheann, agus slàt chuilce na làimh dheis, a lùb an glùin dha a’m fanoid, agus a ghabh do shilibh air. Fa dheoigh, thugadh thairis e do Philat, a dhìt e gu h-ea-corach, agus do na Saighd-fheara Romhannach a cheus e gu buirbeil. Maille re so thugadh thairis Criosd do fheirg an uile-chumhachdaich, ’nuair a bha i air lassadh ’suas, an aghaidh cionta agus mi-thaingealachd dhaoine. Mar so dh’fhuiling e cràdh ’na chorp, ach ’s ann na anam a dh’fhuiling e dòruinn. Bha na nithe a dh’fhuiling e o mhi-rùn an Abhairseir, agus o naimhdeas dhaoine, cruaidh, cràiteach, do-ghiulan; ach an uair a dh’fhuiling e fearg an De mhòir, mar a tha Daibhidh ag radh, shearg a chridhe as mar fheur, agus loisg a chnàmhan, mar lic an tìnntein. Thugadh Criosd, [TD 238] ma dheireadh, thairis, do chumhachd a naimhde, do phiantaibh a bhàis, agus air dha a Spiorad a thoirt suas do làmha Athar, thugadh thairis a chorp le masladh do’n ùir. B’iad so an dream, b’iad so na nithe, da’n deachadh Criosd a thoirt thairis; bha an dream so gun amharus mi-rùnach, naimhdeil, aingidh; bha na nithe so nàrach, cràiteach. An àm fhulangais dheireannaich, cha do ghabh a naimhde truas ris, cha d’thug a chairdean sòlas dha; ach ged a bha daoine neo-mhothuchail, choimhfhuiling a chruithachd gu leir maille ris. Co luath sa thug Criosd suas an deo, air ball dh’fhàs a Ghrian doilleir, reubadh brat-roinn an Teampuil na mheadhon, chriothnuich an talamh, sgoilteadh na creagan, dh’fhosglaidh na h-uaighean, agus dh’eirich mòran do na Naoimh. Bu mhòr fulangais, b’iongantach bàs Chriosd, agus bu mhiorbhuileach na nithe, a ’thachair air an àm sin-fiosraichimid ’san 3. C’arson a thugadh thairis Criosd. Tha so gu soilleir air a chur an ceill nar [TD 239] stèidh-teagaisg, thugadh thairis e air son ar ciontaidh-ne. ’Si cionta ’mhàin fior-chuspair peanais; agus mur bitheadh Criosd, gu toileach, air a dheanamh na pheacadh air ar soinne, cha b’urrain an t-Athair gu cothromach a thoirt thairis do pheanas agus do bhàs. Cha b’ann air a shon fein a dh’fhuiling Criosd; oir mar a tha ’n t-Abstol ag radh, cha d’rinn esan peacadh, ni mò a fhuaradh ceilg ’na bheul; bha e naomha, neo-lochdach, neo-thruaillidh, agus air a sgaradh o pheacaichibh. Dh’fhuiling esan fòs aon uair air son peacaidh, am sirean air son nan neo-fhìrean, chum gu’n d’thugadh e sinne an ionnsuid Dhe. Trìd a pheacaidh, tha daoine air an sgaradh o Dhia; agus mar a tha e air a radh sa chosamhlachd, gun robh doimhne mhòr eidir Lasarus, agus an duine beartach ann an saoghal eile; feudaidh sinne cuideachd a radh, gu bheil an cionta mar dhoimhne mhòr eidir daoine, ’san Athair Neamhaidh. Dh’fhuiling Criosd, ma seadh, am bàs, chum an toirt gu tearuinte thair an doimhne so, no chum an cionta a dhiòladh, agus an deanamh rèidh re Dia. [TD 240] O na pheacaich an duine, bha e feumail gu’n gabhadh Criosd a natur air, chum dìoladh, san natur so, a thoirt do lagh Dhe. Air a chrann-cheusaidh, dh’ofrail Criosd iobairt, chum maitheanas a chosnadh da phobull; agus thug a natur, mar Dhia, làn-eifeachd do’n iobairt a dh’ofrail e mar dhuine. Mar so le e fein a thoirt thairis air son cionta dhaoine, dh’fhosgail Criosd dorus Neamh, a dhruid am peacadh nan aghaidh, rinn e an rathad rèidh eadar iadsan agus Dia; lion e gach slochd, a chlaothaich Satan, ga’n cumail air falbh o Dhia, agus mar so thug se iad na ionnsuidh. Ach cha do stad Criosd an so, choisin e ni ’mhain maitheanas, ach mar an ceudna sonas d’a phobull; agus thug e dhoibh dearbhadh riachdail, gu’m fuigheadh iad an sonas so; agus gu’n togadh e suas iad fa dheoigh, eadhon le ais-eiridh ghlòirmhor fein. ’Sa 4. Tha ’n t-Abstol ag radh, gun do thogadh suas e a-ris. Ged a thug Dia thairis a mhac, chum a cheartas a thoilleachadh, chum a naomhachd a [TD 241] a dhearbhadh, agus chum cionta a phobuil a dhioladh; gidheadh cha d’fhàg se e fuidh chumhachd a bhàis, ach thog se suas e air an treas là, mar dhearbhadh, gu’n robh e làn-toillichte leis na rinn agus na dh’fhuiling e. Tha againn gach dearbhadh is urrainn sinn iarruidh, gu’n d’eirich Criosd gun amharus, reir a gheallaidh, air an treas là. Chunnaic eadhon cuig ceud e air aon àm, chunnaic cuid diu na lotaidh ’na chorp, dh’fhan e maille riu car do fhichead, là, chual’ iad a theagaisg, dh’ith agus dh’òl iad gu minic maille ris. Thuilleadh air so, chaidh e suas do Neamh ’nan làthair, agus air an àm a gheall e, thug e dhoibh dearbhadh do-aicheun gu’n d’eirich e, agus gu’n deachaidh e ’suas do Neamh, le Spiorad a thoirt dhoibh. Chuala na h-Iudhaich fein, naimhde guineach Chriosd na h-Abstoil a’ labhairt an iomadh canain; agus chunnaic iad na miorbhuile a dh’oibrich iad nam measg. Dh’eirich Criosd o na mairbh, ni ’mhàin chum a dhearbhadh, gu’n robh obair criochnaichte, agus gu’n d’thug e buaidh air a bhàs; ach mar an ceudna chum dochas [TD 242] beothail a thoirt d’a chàirdean, gu’n togadh e iadsan ’suas fa dheoigh. Mar so tha ’n t-Abstol Pol a’ labhairt, ach anis, ata Criosd air eiridh o na marbhaibh, agus rinneadh e na cheud thoradh dhiubhsan a choidil; oir mar is ann tre dhuine thainig am bàs, is ann tre dhuine, thig ais-eiridh na’m marbh mar an ceudna. Ach gach uile dhuine na òrdugh fein; Criosd na cheud thoradh, na dheigh sin iadsan, is le Criosd, aig a theachd. O na se Criosd an ceann, agus a phobull a bhuill; feudaidh sinn a bhi deirbhte, gu’n tog e suas, fa dheoigh, gach earran d’a natur fein. Ach tha ’n t-Abstol ag innseadh ’sa 5. Gu’n do thogadh suas e a-ris, air son ar fìreanachaidh. ’Se is brigh do fhìreanachadh, ann am focal De, neach a ghairm saor o chionta, agus o pheanas, agus gabhail ris, mar gu’m bitheadh e neo-chiontach; air a sgàth fein, no air sgàth neach eile, a thug dioladh air a shon. Mar so tha ’n t-Abstol Pol ag radh, gu bheil creidmhich air am fìreanachadh gu saor, le gràs De, tre an t-saorsa ata ann an Iosa [TD 243] Criosd. ’Si an fhìreantachd so, toradh iobairt-rèitich agus umhlachd iomlan Chriosd; oir le bhàs, dhìol e ar cionta, agus choisin e maitheanas; agus le umhlachd, choisin e dhuinn gràs agus glòir. Mar ar caraid caomh, agus ar n’ urras cinnteach rinn agus dh’fhuiling Criosd gach ni, a bha dh’fhiachabh oirne, agus air an doigh so, choisin e slàinte iomlan dhuinn. Ach feoraichidh sibh, tha e coslach, cionnas a dh’eirich Criosd suas air son ar fìreanachaidh? Mar fhreagairt do’n cheist so, ’s eigin dhuinn a thoirt fainear, gu’n robh ais-eiridh Chriosd feumail, chum a dhearbhadh, gu’m b’e mac Dhe le cumhachd, gu’n d’thug e buaidh air naimhde a phobuill, gun do thoillich e lagh Dhe, agus gu bheil e comasach an t-slàinte, a choisin e a bhuilleachadh air a chàirdean. ’Nuair a tha urras, air a thilgeadh am priosun, ’n àite neach air am bheil ainmheach, tha e air a gleidheadh gu teann, gus am bheil an t-ainmheach pàighte; agus tha a leigeil amach a’s a Phriosun, a’ dearbhadh, gu bheil làn-dioladh air a thoirt. Mar so bha Criosd, urras pheacairean, car [TD 244] tamuil am priosun a bhàis; agus dh’eirich e a-ris air an treas la’, mar dhearbhadh gu’n robh an t-Athair làn-toillichte le dhìoladh. Gach neach a tha creidsin ann an ainm Chriosd, agus a’ cur earbsa ’na fhìreantachd, tha iad saor o agairt an lagha, agus tha an t-Athair a’ gabhail riu, mar fhìreanaidh. Cha n’ iarr an lagh pàighe da uair; agus tha ceartas Dhe ag iarruidh, gu’m fuigh a phobull am maitheanas agus an sonas a choisin Criosd, gu daor, air an son. Tha an t-Abstol Pol ag radh, gun d’fhoillsich an t-Athair fìreantachd Chriosd, chum’s gu’m bitheadh e cothromach, agus gu’m fìreanaicheadh e an Tì a chreideas ann an Iosa. FOGHNADH. Air dhuinn, mar so a chur an ceill staid bhrònach a chinne-daonna, agus a chrioch ghràsmhor a bh’aig Criosd ’na bheachd, araon ’na bhàs, agus ’na ais-eiridh; chi sibh cia lionmhòr ar commainean dha, agus cia math a thig e dhuinn gabhail gu h-iriosal, agus gu taingeil re shlàinte. ’Nuair a bha daoine [TD 245] ciontach, dall, agus ann an amharus mu shaoghal nan Spiorad, thug ar Slànuighear beatha agus neo-bhàsmhòireachd chum soillse, trìd a shoisgeil. Thainig esan o Neamh gu talamh, chum sinne a thogail suas o’n talamh chum Neamh; ghabh e air ar natur, chum sinne a dheanamh ’nar luchd co-pairt do natur Dhe. Le bhàs thug e an gath as a bhàs, agus dhiol e cionta a phobuil; agus le ais-eiridh, thug e buaidh air an nàmhaid deireannach; agus tha e beo gu siorruidh gu eadir-ghuidhe a dheanamh air ar son. Agus mar a choisin e gach tiodhlaca Spioradail, a tha feumail d’ar n’ anamaibh, shuidhich e gu caomh na Eaglais gach meadhon agus òrdugh, a tha coimhfhreagradh, chum am builleachadh oirn. Tha Dia air an là ’n diu a’ toirt cuirre dhuinn teachd na ionnsuidh, agus feitheamh air aig bòrd a mhic. ’S iomadh neach a fhuair math o’n òrdugh so, a tha ’n diu ann an Aros De. Ach o na tha ’s gach communn Criosduigh dream neo-iomchuidh, creidmhich òga agus fior-chàirdean, labhraidh sinn caileigin ris gach h-aon diu. An [TD 246] 1. Thaobh an dream ata neo iomchuidh. Anns an aireamh neo-iomchuidh so tha peacairean dàna, agus cealgoirean truaillidh. Tha na peacairean sin gun amharus dàna, a tha, cosmhuil re Felics, a’ dol air an aghaidh sa pheacadh, thair bolg solus an inntin, agairt an coguisean, agus eagal breathanais. Tha’n dream so nan naimhde do Dhia, a’ ceusadh Chriosd a-ris, a cuir doilghios air an Spiorad, agus a’ deanamh toil an Abhairseir. Tha ’n giulan ciontach, tha ’n staid cunnartach, gun aithreachas, gun ath-leasachadh, cha n’ fheud iad aran na cloinne a ghabhail. Tha Cealgoirean do ghnàth na’n claoghairean diblidh. Tha iad a’ gabhail orra an t-anam Criosduigh, agus cleochda na diadhachd; ach ’s ann do’n pheacadh, a tha iad a’ toirt spèis. Tha an dream so, cosmhuil re Iudas, a brath Chriosd le pòig; no, cosmhuil re Demas, ga threigsin o ghràdh do’n t-saoghal. ’Se ’n rùn seirbhis a thoirt do Dhia, agus do Mhammon, ged a tha Criosd ag innseadh, nach urrain neach sam bith so a’ dheanamh. ’S mòr an tamailt a tha iad a’ toirt do Dhia [TD 247] na naomhachd, agus ’s mòr am feum ar bròn diadhaidh. Ach ’san 2. Thaobh creidmhich anmhunn. ’S aithne do Chriosd staid an dream so, agus cuiridh se failt orra, aig a bhòrd. ’S iadsan Uain an treud, agus mar bhuachaile caomh, tha Criosd ’gan giulan na uchd. Ged a tha bhur creidimh beag, mar ghràine do shiol mustaird, gidheadh mu tha e fior, gabhaidh esan gu cairdeil ruibh. Ged a tha bhur peacaidhean lionmhor agus bhur n’ eagal mòr ann an lorg so, na caillibh bhur misneach, tha Criosd comasach agus toileach bhur tearnadh, chum na cuid as faide. Thugaibh fuath cridhe d’ar peacaidhean, agus deanaibh bròn treimh-dhireach air an son; cuiribh earbsa am fùil Chriosd, agus tilgibh bhur cùram air. Mu tha tart diadhaidh air bhur cridheachan, agus mu tha iad a’ plosgartaich an geall air Dia, agus air càirdeas Iosa; tha esan gu cairdeal ag radh ruibh, thigibh am ionnsuidh s’ uile ata re saothair, agus fuidh thròm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Le beo-dhochas, cumaibh co’ dhail ris aig a bhòrd, [TD 248] agus gheibh sibh lòn Spioradail d’ar n’ anamaibh. 3. ’S còir do chairdean Chriosd a bhàs a chuimhneachadh le teas-ghràdh dha-san, agus le seirc do dhaoine. ’Se bàs Chriosd, an dearbhadh is soilleireadh air gràdh an Athar agus a mhic, is urrainn sinn gu bràth fhaotain; uime sin, ’s còir dhuinn an dearbhadh so do ghnàth a chuimhneachadh le mòr-thaincealachd, agus le teas-ghràdh. Ann an so ars’ Pol, ’ta Dia a’ moladh a ghràidh fein dhuinne, do bhrìgh ’nuair a bha sinn fòs ’nar peacairean, gu’n d’fhuiling Criosd am bàs air ar son. Ma’s urrain ni sam bith, ’s còir do’n mholadh iongantach so air gràdh Dhe, fior ghràdh oibreachadh ’nar n’ anamaibh. Se Criosd an t-Athair, am brathair, an caraid, a thug tuilleadh gràidh dhuinn, a rinn, a dh’fhuiling, agus a choisin tuilleadh air ar son, no an saoghal, gu h-iomlan. Agus mu tha ar gràdh dha-san fior, bithidh gràdh do dhaoine do ghnàth na lorg, agus gu h-àraidh do fhior-chreidmhich. Aig an fhèisd ghràidh so, ’s còir dhuinn ar [TD 249] fuath, ar mi-rùn, ar farmad, a cheusadh ann an lathair Chriosd, agus adhlacadh, le gràin, suidh bhòrd. Tha sibh, mar chairdean anis cuideachd, bitheadh aigneidh fhior-chàirdean agaibh, chum ’s gum bi sibh ann an comunn a cheile gu siorruidh. Tha sibh uile anis, ann an làthaireachd àraidh an De bheo, agus is è rùn mòran agaibh teisteas a thoirt dha air bhùr gràdh. Chuala sibh sgeul air bhur staid naturail, air bhur commainean lionmhor do Chriosd, agus air na nithe a rinn e air bhur son. Bitheadh peacairean dàna iriosal, agus deanadh cealgairean an tràth bròn; agus thugadh iad le cheile fainear an giulan. Agus a thaobh a chàirdean lag no laidir, cuireadh iad an ceill an uireasuibh do Dhia; cha’n’eil a lamh air a giorachadh, nach urrainn i tearnadh, cha’n’eil a chluas tròm, nach urrain i cluinntin. Do reir òrdugh, iarruibh anis gràs Chriosd, do reir a gheallanna bitheadh bhur dochas mòr do reir àithne cuimhnichibh a bhàs; agus gn’n deonaiche Dia, gu’m fuigh sibh uile, an diu, a bheannachadh. Amen. [TD 250] SEARMOIN XII. ROMH. viii. 32. An ti nach do chaomhainn a mhac fein, ach a thug thairis e air ar soin-ne uile, cionnas nach tabhair e mar an ceudna dhuinn gu saor na h-uile nithe maille risan? ’NUAIR a tha dithis dhaoine a’ droch-cordadh, tha sinn gach là a’ faicin, gur dorradh gu mòr an t-ea-corach a bhrosnachadh chum sìth agus rèite a’ dheanamh ’suas a-ris, no an neach air an d’rinn e an ea-coir. ’Se a’s aobhar do’n ghiulan aingidh so gu bheil an t-ea-corach deirbhte da chionta, gu bheil e ann an lorg so a’ saoilsin, gu bheil fuath aig an neach eile dha, agus gur e a rùn a sgrios; agus fhad sa tha ’m beachd so aige, cha bhi [TD 251] e reidh ris air chor sam bith. Tha ’n rùn-inntin so, air gach doigh, aimideach, ea-corach, agus aingidh; ach mo thruaighe! tha sliochd an duine g’a altrum, agus g’a nochdadh le’n giulan, ni ’mhàin thaobh am bràithre, ach mar an ceudna thaobh an Athar Neamhaidh. Mar so nochd coguis chiontach gu moch a’ cumhachd, eadhon an giulan ar ceud sinnsir. Co luath sa bhrist iad lagh Dhe, chunnaic iad a’n lomnochd, mhothuich iad an cionta, ruidh iad gu grad o làithaireachd, agus thug iad aoirrip aimideach iad fein fholach gu tur o ghnùis. ’S math a tha ’n sliochd a’ leantain an eisiomplair anns an ni so, oir fhad sa tha iad na’n staid naturail, tha iad a’ saoilsin, gu bheil Dia na namhaid guineach, fuileacdach dhoibh, agus uime sin, tha iad a’ teicheadh uaithe, a’ cogadh na aghaidh, agus a ghnàth a briseadh àitheanta. O nach e rùn Dè an cinne-daonna a sgrios, ach an toirt air an ais na ionsuidh fein, tha e air iomadh doigh a’ taisbeanadh dhoibh a throcair, a chairdeas agus a ghràdh, chum an [TD 252] eagal tràillidh a sgapadh air falbh, agus naimhdeas naturail an cridheachan a sgrios. Tha gach tiodhlacadh, a tha daoine a’ mealtuin na dearbhadh riachdail air gràdh Dhe, agus tha e ga’n toirt dhoibh, ga’n deanamh earbsach a mhaitheas, gràdhach, taingeil agus umhal. Ann an toirt dhoibh a mhic fein mar fhear-saoraidh, tha Dia a’ builleachadh orra an tiodhlaca, a b’fhearr a bh’aige, eadhon a thiodhlaca do-labhairt; tha e toirt dhoibh, anns am cheudna, an dearbhadh a’s neartmhoire, a b’urrain e air a ghràdh. Anis o na tha daoine do ghnàth earbsach a caraid dilsa, air son tiodhlacaibh feumail eile, ’nuair a tha e toirt dhoibh, an tiodhlaca a’s fhearr a th’aige, agus an dearbhadh a’s riachdaile air a ghràdh; tha ’n t-Abstol a’ comhdhùnadh ’nar steidh-teagaisg o na thug Dia cheana dhuinn, gu’m feud dochas bunaiteach a bhi againn ris gach tiodhlaca eile, a tha feumail chum leas ar n’anama. An ti, ars’ esan, nach do chaomhainn, &c. Ann an labhairt o na briathra so, chum misneach agus sòlas a thoirt do chàirdean Criosd, ann an seirbheis àraidh an là an diu, tha mi cur romham trid coghnadh Spioraid De, fhiosrachadh air [TD 253] I. Cionnas a bhuin an t-Athair re mhac. ’Nuair a pheacaich an duine an aghaidh Dhe, rinn e tair air ùghdaras, thug e oilbheum d’a cheartas, agus d’a naomhachd, agus dh’fhàs e ann an lorg so buailteach do pheanas, agus do bhàs. Chum sliochd an duine a shaoradh o sgrios, agus a dheanamh naomha sonadh; Ann an comhairle na sith, sheas Criosd a suas air an son, gheall e ’n natur a gabhail air, gheall e umhlachd iomlan a thoirt ’nan àite, agus am bàs cràiteach a thoill iad, fhulang. Anis o na bha na nithe so uile feumail chum glòir Dhe, agus slàinte dhaoine, ann an coimhlionadh na h-aimsir, dh’iarr an t-Athair uaithe gach h-aon diubh. Chum labhairt na’s mìn-chuisiche 1. Cha do chaomhainn an t-Athair e. B’e Criosd dealradh glòir an Athar, agus fior-iomhaigh a phearsa; b’esan a mhac gràdhach, anns an robh a làn toil; agus-bha e coimhionnan ris ann an cumhachd agus ann an glòir. Tha Dia do ghnàth a’ toirt gràdh do gach Ti, agus do gach creatuir, do [TD 254] reir an natuir, am maise’ agus am buadhannaibh; agus o na bha Criosd uile-mhaiseach, agus iomlan na bhuadhannaibh, thug an t-Athair gu cinnteach gràdh iomlan dha. Ach ged a bha a ghràdh d’a mhac iomlan. seasmhach, dian-laiste gidheadh cha do chaomhainn se e. Cha do chaomhainn se e o shonas Neamh agus uchd fein fhàgail, o sgàil car tamuil a chur air a ghlòir, agus o natur truaillidh an duine a ghabhail air. Cha do chaoimhainn se e o sgios, ocras agus fuachd, o bhochduin agus tinnis; o bhuaireadh an Abhairseir, o ana-cainnt pheacach, o gheur-leanmhuin a naimhde, agus o theicheadh nàrach a chàirdean. Ged a chuir e ’suas ath-chuinge dhùrachdach ris, cha do chaomhainn se e o chupan an t-searbhais òl; ach air dha a chur ’na làimh, ghleidh e ann an sin è, gus an dol è eadhon an deireadh amach. Cha do chaomhainn se e o bhròn inntin, o fheirg fein fhulang ’na anam, o bhàs nàrach, cràiteach, fadalach, agus o bhi air a chur fa dheoigh le masladh ’san ùir. ’Si caonadh an earran a’s lugha do thròcair, ach cha d’thug an t-Athair eadhon an earran so d’a mhac, chum ’s gu’n taisbeanadh e iomlaineachd a thròcair do’n [TD 255] chinne-daonna. Ann an àite Criosd a chaomhnadh, chum fhuath do’n pheacadh, agus a ghràdh do anamaibh dhaoine gu soilleir a dhearbhadh, le cruaidh-dhioghaltas, ghairm Dia gu dian air a cheartas eiridh suas ’na aghaidh. Mosgail o chloidheimh, an aghaidh mo bhuachail, agus an aghaidh an duine, a’s coimhionnan dhomh, deir Tighearna nan sluagh. Tha so a’ cur an cuimhne dhomh a thoirt fainear ’san 2. Gu’n d’thug an t-Athair thairis a mhac. Cha’n’eil an t-Abstol ag ainmeach co na ciod d’an d’thugadh thairis e, agus bha aobhar math aige, a bhi na thosd mu’n ni so; oir thugadh thairis e do choimhlion namhaid agus truaighe, a’s nach b’urrain e an ainmeach uile, gun eachdaire a bheatha aithris o bhreith gu bhàs. Thugadh thairis e air tùs do bhroinn na h-òighe Muire; eadhon air an àm sin thoisich ìsleachadh, thoisich fhulangais. Oir air an àm so, chaidh an teampul sin a dheasachadh agus a dhealbh, a reub a naimhde fa dheoigh le lamha aingidh air sliabh [TD 256] Chalbhari. ’Nuair a rinneadh e ’na fheoil, agus a nochd se e fein air fàsach an t-saoghail so, thugadh thairis e do anmhuinneachd, do thinnis, agus do uireasuibh; agus co luath sa thainig e chum inbhe duine, thugadh thairis e do shaothair, do bhochduin, do mhasladh agus do bhròn. Ach ged a bha na nithe so trioblaideach, maslach, gidheadh bha iad amhàin na’n roimh-bhlasadh air an eas-onoir, agus air a chràdh a dh’fhuiling Criosd an deigh làimh. Mar so thugadh thairis a rè àm a mhinistreileachd aìr talamh do bhuaireadh an Abhairseir, do ana-cainnt, do dhi-meas, do ana-creidimh pheacairean. Thugadh thairis e do Iudas, a bhrath e gu cealgach; do na h-àrd-Shagartaibh a chàin e gu h aingidh; do Herod agus d’a luchd cogaidh, a rinn fanoid air, a chuir crùn droighinn ma cheann, agus slat chuilce na làimh dheis, agus a ghabh do shilibh air. Thugadh thairis e do Philat, a dhit e gu h-ea-corach; do na Saighdfheara Romhanach a cheus e le buirbe. Thuilleadh air so thugadh thairis e do fheirg an uile-chumhachdaich, ’nuair a bha i air lassadh ’suas an [TD 257] aghaidh peacaidhean dhaoine. Dh’fhuilling Criosd cràdh ’na chorp; ach is ann na anam a dh’fhuiling e doruinn. Bha na nithe a dh’fhuilling e o naimhdeas dhaoine craiteach, piantachail, do-ghiulan; ach b’iad fulangais anama a dh’fhàisg na braona morà fola o chorp; bi fearg an De mhòir, ann am briathraibh Dhaibhidh, a shearg a chridhe as mar fheur, agus a loisg a chnàmhan mar lic an tinntein. ’Nuair a dh’fhuilling e fearg dhaoine ’na chorp, bha e mar chaora balbh; ach ’nuair a dh’fhuiling e fearg Dhe na anam, thuirt e r’a dheisciobluibh, ata m’anam ro-bhrònach eadhon gu bàs; agus ghlaodh e le iolach àrd, mo Dhia, mo Dhia, creud far threig thu mi! Mar so thug an t-Athair thairis a mhac, chum gach earran do ainmheach pheacairean a phàighe, agus chum gach ni fhulang a thoill iadsan. Nach bu tròm eallach a pheacaidh a leag gu làr Slànuighear an t-saoghail; agus nach bu shearbh cupan fhulangais, a tharruing gearran co ghoirt uaithe. O na dh’fhuiling esan feudaidh sinne fhoghlum, cia domhain cionta a pheacaidh, cia mòr am [TD 258] peanas a tha e a’ toiltin, agus cia do-thuigsin gràdh Dhe do’n chinne-daonna, a thug eadhon aon-ghin mhic thairis gu bàs air an son. Air dhuinn mar so cuid do na nithe sin ainmeach, gus an d’thugadh thairis Criosd, fìosraichimid anis ’san II. C’arson a thugadh thairis e. Tha an t-Abstol, ’nar stèidh-teagaisg, a’ toirt freagradh do’n cheist so, le innseadh gu’n d’thugadh thairis e, eadhon air ar soin-ne uile. Le so tha e cur an ceill, nach b’ann air son a ghiulain fein a dh’fhuiling e; oir o na bha e naomha, neo-lochdach, agus air a sgaradh o pheacaichibh, cha robh e buailteach do fhulangais sam bith, agus cha b’urrain an t-Athair, gu cothramach a thoirt thairis gu bàs. Agus mar dhearbhadh gur ann air ar soin-ne, a dh’fhuiling esan, tha an t-Abstol ag radh, rinneadh esan do nach b’aithne peacadh, na pheacadh air ar soin-ne, chum’s gum bitheamaid air ar deanamh ’nar fìreantachd Dhe ann-san. Ach thugamaid fainear air mhogh na’s riachdaile, c’arson a [TD 259] thugadh thairis e. Agus an seadh coitchionn dh’fhuiling e. 1. Air son sliochd an duine gu leir. Tha e soilleir o fhocal De gu’n robh eifeachd co mhor san iobairt a dh’ofrail Criosd, a’s gu’n do choisin e leatha slàinte air son gach neach, a bha, a tha, agus a bhitheas gu bràth air aghaidh na talmhuin. Anis o na choisin e slàinte a tha coimhfhreagradh re staid agus uireasuibh sliochd an duine gu leir, o na tha e tairgse slàinte dhoibh, agus a’ toirt cothrum do’n chuid a’s mugha dhiu eolas spioradail fhaotain agus meadhonna nan gràs a ghnàthachadh, feudaidh sinn le barrantas a radh, gu’n d’fhuiling e bàs air son an dream so uile. Ach a thuilleadh air so, tha sliochd an duine gu h-iomlan gu mòr an commain Chriosd mar an eidir-mheadhoin-fheair; oir is ann air sgàth na gheall, na rinn agus na dh’fhuiling esan, a chaidh air tùs an caomhnadh ann an tir nam beo, agus a tha iad o’n àm sin a’ faotain am beatha, an neart, an treòir, an ciall, an tuigse, an lòn an eadach, maille ris gach tiodhlaca talmhaidh eile a tha [TD 260] iad a’ mealtuin. Anis o na tha an cinne-daonna uile an commain bàs Chriosd, air son tiodhlacaidh talmhaidh agus Spioradeil a chosnadh dhoibh, feudaidh sinn an seadh coitchionn a radh, gun d’thugadh thairis e air an son gu leir. Ach a-ris ’san 2. Thugadh thairis e gu h-araidh air son a phobuill fein. ’S iad pobull àraidh Chriosd, an dream a thagh an t-Athair o shiorruigheachd, a tha air an gairm, agus air an aomadh gu h-eifeachdach air talamh, chum gabhail ris, chum creidsin, ’na ainm, agus chum geilleachdain dha le’n uile chridhe. Ghiulain Criosd cionta sliochd an duine gu leir, ach b’e ainmheach a phobuill a phàigh e gu h-àraidh. ’S ann air an son sa gu h-àraidh a dh’fhuiling e bàs, agus a choisin e slainte. An toirt a mhic thairis gu bàs, b’e an ni àraidh a bh’aig Dia na bheachd, a ghlòir a thaisbeanadh, a naomhachd a nochdadh, a ghradh a dhearbhadh agus b’iad na nithe ceudna, a bh’aig Criosd ’na bheachd, ’nuair a dh’fhuiling e gu toileach bàs malluichte na croiche. B’iad [TD 261] peacaidhean a phobuill fein, a rinn buaireadh an Abhairseir trioblaideach, agus naimhdeas nan Iudhach cràiteach; b’iad so a sharr e ris a chrann a reub fheoil, a dhòirt fhuil, a dh’fholaich uaithe gnùis Athar, agus a rinn anam ro-bhrònach. Mar so thugadh Criosd thairis gu h-àraidh, chum piann, trioblaid, agus bàs, air son gach neach a tha creidsin na ainm, co dhiu a tha iad bochd no beartach, òg no sean, foghluimte no ain-eolach, tuirseach no aoibhneach, air an ath-nuadhachadh an de, no iomadh là roimhe so. Agus mar a choisin Criosd gu h-àraidh slàinte do’n dream so, ’san doibh-sin gu h-àraidh a tha e toirt tairgse nan gràs, ’s ann orra-san a tha e builleachadh tiodhlacaibh Spioradail, agus ’s iad-san a gheibh uaithe a bheatha mhairreanach. Cha’n’eil an Dia sin ata uile-ghlic, a’ deanamh ni sam bith an diomhanas; o ghràdh truacanta, thug e thairis a mhac, chum leas a chinne-daonna gu leir; agus o ghràdh àraidh, thug e thairis e air son an dream sin, a bha fhios aige, a ghabhadh gu toileach araon re Criosd agus re shlàinte. Mar so chi sibh, ciod a bh’àig an Athair ’na bheachd, an toirt thairis a mhic, agus c’arson a thug se thairis [TD 262] e; mar ar caraid dìleas gràdhach, dh’fhuiling Criosd am bàs air son ar n’ eas-aontais, agus dh’eirich e ’suas a-ris air son ar fireanachaidh. Fiosraichimid ’nise ’san III. Ciod an dearbhadh a th’ againn o bhas Chriosd, gu’m fuigh a phobull na h-uile nithe maille risan? Tha na h-uile nithe ann an so a’ ciallachadh, gach tiodhlacadh talmhaidh agus Spioradail, a tha Dia a’ faicin feumail chum sòlas sìth agus leas a phobuil, araon air talamh, agus ann an Neamh. Tha focal De gu riachdail a’ dearbhadh, gu’n do choisin Criosd d’a phobull na h-uile nithe, le umhlachd agus le bhas; agus gun do choisin e iad, chum am builleachadh orra. Ach siosraichimid ’n so ciod an dearbhadh a th’ againn, gum fuigh pobull Chriosd na h-uile nithe maille risan. Agus air 1. Tha ar reusan fein a’ teagasg so dhuinn. Se Criosd, mar gu’n abramaid, an tobar tarbhach, fior-ghlan domhain sin, o’m bheil a’ [TD 263] sruthadh, do’n chinne-daonna gach tiodhlacadh talmhaidh agus Spioradail. Anis ’nuair a tha Dia a’ toirt d’a phobull Criosd fein tobar na beatha, gheibh iad gu cinnteach an tuigse, an toradh, agus gach ni a tha sruthadh uaithe. Mar so ’nuair a tha duine a’ faotain o chàraid, còir iomlan air oighreachd, tha e faotain ’san am cheudna còir air gach ni, a tha a’ cinntin no fas orra; agus ceart mar so buinidh Dia re phobull thaobh nan tiodhlacaidh a choisin Criosd, maille risan gheibh iad na h-uile nìthe. 2. Tha geallanna Dhe a’ dearbhadh so dhuinn. Bithidh oidhche agus là, bithidh dorchadas agus solus air an deanamh nan aon, theid Neamh agus talamh na’s luaithe thairis, na bhriseas Dia na fìrinn a gheallanna priseil d’a phobull fein. Ciod, ma seadh, a tha e a’ gealtuin? Tha na h-uile nithe da phobull. Mar so tha Criosd fein a’ labhairt, ge b’e ni a dh’iarras sibh a’m’ ainm-sa, ni mise sin, chum ’s gu’m bi an t-Athair air a ghloruchadh anns a’ mhac. Ann an aite eile, tha [TD 264] Dia ’na fhocal, mar so a’ gealltuin agus ag radh; Is leibhse ’na h-uile nithe, màs e Pol, no Apollos, no Cephas, no an saoghal, no beatha, no bàs, no nithe a ’ta làthair, no nithe a ’ta re teachd, is leibhse iad; agus is le Criosd sibhse; agus is le Dia Criosd. Ann an so chi sibh, gu bheil gach ni air an gealtuin do phobull Chriosd, a tha feumail chum leas agus sòlas an anamaibh. Anis o na tha Dia uile-chumhachdach, ’s urrainn e a gheallanna a choimhlionadh, agus o na tha e uile-fhior, coimhlionaidh e gu cinnteach iad. 3. Tha eidar-ghuidhe Chriosd a’ dearbhadh gu’m saigh a phobull gach ni. Tha focal De a’ teagasg dhuinn, gun do choisin Criosd le umhlachd agus le bhàs, maitheanas agus gràs, neart agus sòlas, sìth agus sonas d’a phobull; agus gu bheil e anis an Neamh ghnàth guidhe air Athair, na nithe so, agus gach ni feumail eile a thoirt dhoibh. Gach ni a tha Criosd ag iarraidh, tha e ag iarruidh gu cothromach, do bhrìgh gun do choisin e iad, agus cha’n’eil an t-Athair air àm sam bith ga dhiultadh. O eidar-ghuidhe [TD 265] Chriosd ma seadh, tha an t-Abstol Pol a’ co’-dhùnadh, gur urrain e a phobull a thearnadh, no gach tiodhlacadh feumail a thoirt dhoibh. Tha e fòs comasach, ars’ esan, air an droing a thig chum Dhe trìdsan a shlànuchadh gus a chaidh a’s fhaide, do bhrìgh gu bheil e beo gu siorruidh gu eidar-ghuidhe a dheanamh air an son. Tha an t-Abstol ceudna, ann an aite eile, a’ reusannachadh araon o eidar-ghuidhe Chriosd, agus o mhugha mòr staid a phobuill, ’nuair a dh’fhuiling e am bàs, agus a tha e a’ deanamh eidar-ghuidhe air an son. Ma se, ars’ esan, air bhi dhuinn ’nar naimhde, gu’n d’rinneadh rèidh re Dia sinn tre bhàs a mhic, is mòr is motha air dhuinn a bhi air ar deanamh rèidh, a shabhalar tre a bheatha, is è sin trìd eidar-ghuidhe sinn. Mar so tha ar reusan fein a’ cur an ceill, tha geallanna Dhe, agus eidar-ghuidhe Chriosd gu soilleir a dearbhadh gu’m fuigh a chàirdean gach ni maille Criosd. O na is ann mar so a tha a chuis, tha deadh aobhar aca gun amharus gairdeachas a dheanamh ann, feitheamh air le dochas beothail, agus dluthachadh ris le’n uile chridhe. Air dhuinn anis gach earran [TD 266] d’ar stcidh-teagaisg a mhìneachadh, mar choimhdhùnadh do’n iomlan fuilingibh domh labhairt re dà sheorsa dhaoine ’nar measg. Agus 1. Tha briathra ar teagaisg a’ cur an ceill cionta agus cunnart naimhde Chriosd, a tha gach là a’ cogadh na aghaidh, a tha nan seirbhisich dhilis do’n Abhairseir, agus leis nach miann am peacaidhean a threigsin. ’S bochd staid, ’s aimideach giulan, agus ’s mòrc unnart an dream so. Tha iad gach là, gach uair, gach mionaid fuidh chorruich an uile-chumhachdaich, air an sgaradh o chairdeas, air an dìteadh le lagh, agus buailteach do bhàs siorruidh. Anis mu bha fuath Dhia do’n pheacadh co mhòr, a’s nach do chaomhainn e a mhac fein, ’nuair a sheas e ’suas air son pheacairean, gu cinnteach cha chaomhainn e an dream sin, a tha diultadh gabhail re Criosd, agus a tha ciontach, ceannairceach; aingidh. Ma leag peanas a pheacaidh, ma seadh, eadhon Slànuighear an t-saoghail gu làr, ciod a dh’eireas dhoibhsan d’an eigin am peanas fein a ghiulan; bithidh iad gu cinn- [TD 267] teach air an sgrios gu siorruidh. Ann an là trioblaid, aig uair a bhais, bithidh iad gun charaid, gun chùltaic, gun choghnadh; aig là bhreitheanais, thèid an cur air laimh chli a bhreitheamh, agus ditidh esan le feirg iad, chum truaighe shiorruidh fhulang. Ma se an rùn an truaighe so a sheachnadh, guidheam orra an tràth, gabhail re Criosd, agus an anama a thiomnadh thairis na lamha. 2. Tha briathra ar steidh-teagaisg gu math a’ coimhfhreagradh chum misneach agus sòlas a thoirt do chairdean Chriosd. ’San air an son-sa a thug an t-Athair thairis gu bàs e, is ann doibh-san a choisin e slàinte, agus o na thug e dhoibh a cheana a mhac, tha e anis a’ tairgse na h-uile nithe maille risan. ’S còir do’n dream so, ma seadh, feitheamh air Criosd, agus a bhàs a chuimhneachadh le bròn cridhe, le teas-ghràdh, le dochas beothail, agus le làn earbsa. Tha bròn air son peacaidh gun amharus cubhaidh aig bòrd an Tighearna, o na bha [TD 268] sinn uile ag aontachadh le bas, agus o na mheudaich sinn ler cionta gu mòr fulangais ar caraid Neamhaidh. Tha teas ghràdh mar an ceudna dligheach, ’nuair a tha sinn a’ cuimhneachadh bàs Chriosd, a dh’fhuiling e air ar soin-ne, agus leis am bheil e gu h-iongantach a’ molladh a ghraidh fein dhuinne. ’S còir dhuinn mar an ceudna dluthachadh ris le dochas agus earbsa, ’nuair a tha sinn a’ faicin comharan a bhàis, leis an do choisin e slàinte d’a phobull, agus a bhòrd deasuichte, chum toradh na slainte so a thoirt dhoibh. Leis na h-aigneidh dhiadhaidh so ag oibreachadh ’nar cridheachan, cuartaichibh anis altair Dhe, agus foillsichibh bàs Chriosd. Cia mòr bhur n’ uireasuibh, ’s urrain esan an deanamh suas; ge b’e ciod a tha a dhith oirbh, ma sibh fhior-chairdean, tha esan toileach am builleachadh oirbh. Fosglaibh ma seadh ar beil gu farsuing, agus lionaidh Dia gu pailt iad; cha’n’eil sibh an cumhangachd an Dia, n’a bithibh cumhang ann ar n’ innibh fein. Cosmhuil re Abram, A- [TD 269¹] thair nan creidmheach, bithibh anis laidir ann an creidimh, le so bheir sibh glòir do Dhia, agus gheibh sibh lòn Spioradail d’ar n’ anamaibh. Gach ni a tha feumail chum ar leas, tha Dia anis ullamh gu bhuilleachadh oirn; oir an Ti nach do chaomhainn a mhac fein, &c. [TD 270¹] SEARMOIN XIII. II. CORIN. viii. 9. Is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Criosd, ge do bha e saibhir, gidheadh gu’n d’rinneadh bochd e air bhur son-sa, chum gum biodh sibhse saibhir trid a bhochduinn-san. THA againn anns na briatha so sgeul riachdail air gràs ar Tighearna Iosa Criosd. Tha an t-Abstol ag radh gur aithne do gach fior-chreidmheach an gràs so, se sin chual’ iad ni ’mhàin an sgeul so, chreid iad e, agus ’s urrain iad cunntas a thoirt air do dhaoine eile; ach ’s aithne dhoibh e le’m fiosrachadh fein, bhlais iad cia milis e, agus mhothuich iad a chumhachd na’n cridheachan. [TD 271¹] Tha an t-Abstol ag ainmeach iomadh ni, ’nar steidh-teagaisg, chum an gràs so a mholladh dhuinn, agus ’se mo rùn air an àm, le coghnadh Dhe, am mìneachadh dhuibh fa leith. Air I. Thugamaid fainear staid Chriosd, mu’n d’fhàs se bochd. Bha esan saibhir, ach cha n’urrain briathra sam bith a chur an ceill, cha n’ urrain inntin sam bith a thuigsin, cia saibhir a bha e. Mar a tha Eoin ag radh, anns an toiseach bha am focal, agus bha am focal maille re Dia, agus b’e ’m focal Dia. Bha e so air tus maille re Dia. Rinneadh gach ni leis, agus a’s eugmhais cha d’rinneadh aon ni a rinneadh. Agus tha Pol ag radh, Col. i. 16, 17. Is ann leis-an a chruthaicheadh gach uile nithe ata air Neamh, agus ata air talamh, faicsinneach, agus neo-fhaicsinneach, ma’s àrd-chaithraichean iad, no tighearnais, no uachdranachda, no cumhachda; is ann leis-an a chruthaicheadh na h-uile nithe, agus air a shon. Agus ata esan roimh na h-uile nithibh, agus trìd-san ata na h-uile nithe a’ coimhsheasamh. [TD 272¹] Tha an t-Abstol ceudna an àit’ eile ag radh gur e dealradh glòir an Athar agus fior-iomhaigh a phearsaidh, gur e oighre nan uile nithe, gu’n do chruthaicheadh leis an saoghal, agus gu bheil e cumail suas nan uile nithe le focal a chumhachd. Tha sinn a’ meas an neach sin saibhir, aig am bheil ni ’mhàin pailteas air a shon fein, ach mar an ceudna chum uireasuibh dhaoine eile a dheanamh suas. Cia saibhir, ma seadh, ’s eigin dha-san a bhi, aig nach ’eil uireasuibh sam bith e fein, agus aig am bheil ionmhas co iomlan ’san àm cheudna, as nach urrain e fàs na’s lugha, ged a tha dream eile gun aireamh a’ faotain gu pailte dheth. Cha’n’eil eadhon creatair ann, nach d’fhuair am bith uaithe-san, agus nach ’eil gu tur an commain dha air son gach ni ata iad a’ sealbhachadh, no ris am bheil dùil aca! ’Se so saibhreas an ti sin, mu bheil an t-Abstol a’ labhairt. Ach thugamaid fainear anns an II. A bhochduin sin gus an d’thug se gu toileach e fein. [TD 269²] Air do’n Abstol Eoin sgeul a thoirt dhuinn air ceud staid ghlòirmhor Chriosd, tha e ’g innseadh gu’n d’fhàs e bochd, le natur an duine a ghabhail air no le fàs na fheoil, agus le comhnuidh a ghabhail ’nar measg-ne. ’S riachdail an doigh air am bheil Lucas a’ cur an ceill a bhochduin, le sgeul a thoirt air a bhreith. Do reir ordugh an Impire Rhomhanaich, chaidh Ioseph agus Muire ’suas do Ierusalem, chum gum bitheadh an ainmeana air an sgriobhadh an cìs-rola. Agus tharladh, am feadh a bha iad an sin, gu’n do choimhlionadh laith’ a h-inbhe-se, chum i bhi air a h-aisead. Agus rug si a ceud-ghin mhic agus phaisg si e am brat-speilidh, agus chuir si e na luidhe am prasaich, do bhrìgh nach robh àite aca san tigh òsda. Agus mar a bha e bochd na bhreith, bha rè a bheatha gu h-iomlan, gus an do chriochnaich e a chursa air sliabh Chalbhari. Bha e eadhon co bochd, as an uair a bha mòran a’ leantuin agus a’ molladh a mhinistreileachd, gu’m b’urrain e gu firinneach a radh, tha tuill aig na Sionnaich, agus neid aig eunlaith an aidheir ach ni’m bheil aig mac an duine ionad anns an cuir se a cheann fuidh. [TD 270²] Ach cha bi so a bhochduin bu mhiosa, gus an d’thug e gu toileach geill. Mar a tha ’n t-Abstol ag radh, rinn se e fein, no dh’aontaich se a bhi air a dheanamh na dhuine, gun chliu. Oir ged a bha mòran air uairibh ga leantuin, agus ga mholladh, gidheadh bha ’n dream so bochd, diblidh. Bha daoine beartach, foghluimte, agus cumhachdach na’n Iudhach a’ gnàthachadh gach meadhon, chum a dheadh ainm a sgrios, agus chum a dheanamh fuathach gràineil do’n phobull. Cha robh am mi-run toillichte, gus an d’fhuair iad a ghlacadh gu buirbeil, a dhìteadh gu h-ea-corach, agus a cheusadh gu h-aingidh mar thràill. Mar so dh’fhàs ar Slànuighear bochd, ni h-ann a dh’aindeoin ach gu toileach, mar a tha Pol ag innseadh Phil. ii. 6, 7, 8. Neach air bhi dha ann an chur Dhe, cha do mheas e na reubuinn e fein a bhi coimhionnan re Dia: ach chuir se e fein ann an neo-mheas, agus ghabh se air fein dreach seirbhisich, agus rinneadh e ann an cos’ las dhaoine: Agus air dha bhi air fhaghail ann an cruth duine, dh’irioslaich se e fein, agus bha e umhal gu bàs eadhon bàs na croiche. Ach fiosraichimid [TD 271²] III. Co iad an dream: Air son an d’fhàs e mar so bochd? Se so an treas ni, a tha air ainmeach ’nar steidh teagaisg; agus tha e gu riachdail a’ molladh saibhreas gràis De dhuinn. Agus dh’fhàs e bochd air ar soin-ne, sliochd an duine, creatairean o’n dè, agus aig am bheil am bunait san dus. Tha sinn a’ faotain ar beatha, mar thiodhlaca o neach eile; tha gach ni a tha g’ar cumail a suas an taobh amuigh dhinn; ’s eigin dol a mach ga’n iarruidh; agus an làmh a tha g’an ulluchadh, feudaidh an toirt air falbh, no am beannachadh sin a dhiùltadh, a ni iad eifeachdach chum ar beatha a chumail suas. Mu tha Dia a’ folach a ghnùis, tha sinn fuidh thrioblaid; mu tha e toirt air falbh ar n’anail, tha sinn air ball a’ bàsuchadh. Mar so tha sinn uile bochd, agus bochd, mar chreatairean, ’s eigin dhuinn a bhith; ach mu bheir sinn fainear gu bheil sinn mar an ceudna ’nar peacairean, tha bochduin na fhocal a tha tuille ’s anmhunn chum ar staid bhrònach a chur an ceill. Feudaidh duine a bhi bochd, agus gidheadh a bhi gun ain- [TD 272²] mheach; ach tha ’m peacadh ni ’mhàin na bhochduin, ach mar an ceudna na ainmheach mòr. A-ris, feudaidh duine, a tha fuidh ainmheach, a bhi fallain, laidir; agus le obair a dheanamh gu dùrachdach, feudaidh e ni ’mhàin nithe feumail fhaotain dha fein ach mar an ceudna ainmheach a phlàighe. Ach mo thruaighe, tha ’m peacadh na thinneas, co mhath ’s na ainmheach, se tinneas ar n’anma è, se a tha caitheadh ar neart, se a tha gar deanamh araon ea-comasach agus neo-thoileach, ni sam bith a dheanamh chum slàinte agus neart fhaotain. Aon uair eile, feudaidh an duine, a tha fuidh ainmheach teicheadh o fhear-fiacha; ach c’ait am feud am peacair teicheadh nach ’eil Dia a làthair; agus comasach a ghlacadh, a dhìteadh agus peanas a dheanamh air. Tha sgeul ar Tighearna mu mhuintir Laodicea, gu math a’ coimhfhreagradh ris gach h-aon do shiol Adhamh na’n staid naturail, tha iad uile ainniseach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd; agus mo thruaighe cha n’ aithne dhoibh so. Agus an d’fhàs esan a bha saibhir, esan d’an d’thug sinn oilbheum, esan aig nach robh feum sam bith oirn, esan a [TD 273] chaidh seachad air creatuirean a b’àirde inbhe, a’ leigeil leo an truaighe sin a shealbhachadh air an d’rinn iad roghain, an d’fhàs esan tha mi ’g radh, bochd air ar soin-ne? Cia iongantach a ghràs! Agus cia do-thuigsin, mar cuirreadh e fein an ceill dhuinn e! Ach thugamaid fainear IV. Ciod a chrioch gus an d’rinn e so? Theireamid gu’m bitheadh an neach sin gu h-àraidh cairdeil, fial, a phaigh ainmheach nach b’urrain sinne a phàighe, chum le bhi air ar saoradh o’n eallaich so, gu’m fuigheamaid an deigh làimh lòn ulluchadh le saothair air ar son fein. Theireamaid gu’m bitheadh an neach sin na bu chairdeile gu mòr, a thogamaid a suas air ball oscionn bochduin agus eagal dìth, le nithe feumail na beatha so a thoirt dhuinn. Ach bha crioch na b’àirde na so aig gràs Chriosd, dh’fhàs esan bochd chum gu’m bitheamaid-ne saibhir; se sin làn-fhonadh. Ann an so tha ghràs a’ dealradh le mòr-ghlòir. Ach co is urrain sgeul a thoirt air an ni nach fhaca sùil, nach cuala [TD 274] cluas, agus nach d’thainig an cridhe an duine. Ach chum caileigin do choghnadh a thoirt dhuibh gu breith a thoirt air saibhreas gràis Chriosd, ainmichidh mi earran no dha do fhocal De. Annsan, ars’ an t-Abstol, ’ta againne saorsa tre fhuil, eadhon maitheanas na’m peacaidhean, reir saibhreas a ghràis; oir trid-sin tha gach uile neach a chreideas air a shaoradh o gach uile nithibh. Maille re maitheanas ceud thiodhlaca a chumhnanta, tha sìth re Dia do ghnàth dlùth-cheangailte; oir ars’ Pol, air dhuinne a bhi air ar fireanachadh tre chreidimh, ata sioth-chaint againn re Dia, tre ar Tighearna Iosa Criosd. An lorg so, tha creidmhich air an gabhail a steach do theaghlach Dhe, ni h-ann mar sheirbhisich ach mar chloinn; oir do mheud sa ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a bhi na’n cloinn do Dhia. Agus cha’n’eil so amhàin mar ainm onorach air a thoirt dhoibh, ach tha mar an ceudna natur cloinne aca. Do reir so tha e air a radh, gu bheil iad na’n luchd coimhpairt do natur na diadhachd; gu bheil Criosd a’ gabhail comhnuidh annta le Spiorad, air [TD 275] mhogh ’s nach iadsan ’ta beo, ach esan ata beo annta. A-ris mar tha aca ni ’mhàin ainm ach mar an ceudna natur cloinne, tha cuideachd an cuibhrionn; oir mar a tha Pol a’ reusannachadh, ma’s clann iad is oighreachan, oighreachan air Dia, agus comh-oighreachan maille re Criosd. Agus ciod a chuibhrionn a gheibh iad? Tha so air ainmeach beatha shiorruidh, ionmhas ’sna Neamhaibh nach fàilnich, rioghachd nach fheudar a ghluasad, agus oighreachd neo-thruaillidh, neo-shalach, agus nach searg as. Tha Pol eadhon ag radh mu chreidmhich, is leibhse na h-uile nithe, mu se an saoghal, no beatha, no bàs, no nithe ata làthair, no nithe ata re teachd, is leibhse iad uile, agus ’s le Criosd sibhse, agus ’s le Dia Chriosd. Ach thugamaid fainear ’sa V. An dlùth-cheangal a tha eidar bochduin Criosd agus saibhreas a phobuill. Bithidh an dlùth-cheangal so soilleir mu bheir sinn fainear, le isleachadh toileach, le’r natur a ghabhail air, leis gach uile fhìreantachd a choimhlionadh, agus le e fein a thoirt mar ofrail, agus mar iobairt do Dhia, gu’n [TD 276] d’àrdaich Criosd lagh Dhe, gu’n do dhiol e a cheartas, agus le so gu’n d’fhosgail e slighe, tre am feud tròcair gu saor, onorach, a bhi air a builleachadh eadhon air a chiontach as mugha. Le so chaidh am peacadh a dhiteadh ’san fheoil, no ’san natur cheudna a thug oilbheum; agus le mhac (a chur amach) òrduchadh na iobairt-reitich, trìd creidimh na fhuil, tha e nochdadh fhìreantachd, co math re thròcair, an toirt maitheanas peacaidh. Agus ’s eigin da chreatuirean reusanta gu leir aidmheil, gu bheil e uile-chothromach, co mhath is uile-ghràsmhor, ’nuair a tha e fìreanachadh an dream ata creidsin ann an Iosa. Chaidh mac Dhe a leonadh air son ar cionta-ne chaidh a bhruthadh air son ar n’ eas-aontais: ghiulain e ar peacaidh-ne na chorp fein air a chrann. Agus uime sin, cha’n’eil anis dìteadh sam bith do’n dream ata ann an Iosa Criosd; oir mar a tha ’n t-Abstol a’ reusannachadh, co chuireas coire sam bith a leith daoine taghta Dhe? ’Se Dia ’ta fireanachadh: co a dhìteas? ’Se Criosd a fhuair bàs, seadh tuille fòs, a dh’eirich a-ris, agus ata air deas làimh Dhe, neach ata mar [TD 277] an ceudna ag deanamh eidar-ghuidhe air ar soin-ne. Agus mar a tha bas na iobairt Chriosd a’ saoradh gach neach a tha creidsin ann o chionta a pheacaidh; tha àrdachadh mar dhuais a bhochduin a’ toirt còir dha gach tiodhlaca a bhuilleachadh orra, a tha feumail chum an deanamh saibhir air talamh, agus sona ann an Neamh. ’Nuair a chaidh Criosd suas air an ionad àrd, thug e bruid am braighdeanas, fhuair e tiodhlacaidh do dhaoine, eadhon air son an dream a bha ceannairceach, chum gu’n gabhadh an Tighearna Dia comhnuidh na’m measg. Agus anis, tha gach uile chumhachd, ann an Neamh agus air talamh, air an toirt thairis dha, tha e g’a nochdadh fein an làithaireachd Dhe, ni ’mhàin mar àrd shagart chum toilteanas iobairt a thagradh, agus a phobull a bheannachadh; ach tha e mar an ceudna a’ suidhe aig deas làimh an Athar, mar an Righ sin a shocraich e air a shliabh naomha Sion. As so tha e a cur amach Aingil, mar spioraid frithealaidh, chum frithealadh do oighreacan a gheallaidh, gus an ruig iad tigh an Athar, far [TD 278] an àrdaichear iad chum suidhe maille re Criosd air a chaithir, agus chum làn-aoibhneas a mhealtuin gu siorruidh. Air dhuinn mar so sgeul a thoirt air gràs Chriosd, am fàs bochd chum a phobull a dheanamh saibhir, fiosraichimid san VI. Ciod e eolas a bhi agàinn air a ghràs so. Tha da sheorsa do eolas ann, eolas cinn agus eolas cridhe, tha an t-aon falsail, agus an aon eile fior; tha an aon neo-tharbhach, agus an aon eile a’ giulan deadh thoradh. Gar stiùradh chum breith a thoirt, co dhiu a tha, no nach ’eil eolas agaibh air a ghràs-so, guidheam bhur n’aire do na nithe a leanas. An do mhothuich sibh riamh gu bheil an gràs so feumail dhuibh, agus gur e so amhain a thearnas sibh o’n fheirg ata re teachd? Am faca sibh sibh fein, le solus focail De, mar dhream a tha ainniseach, agus bochd agus truagh agus dall agus lomnochd; mar dhream a tha air an dìteadh le lagh Dhe, agus a tha ea-comasach dhiu fein ni sam bith a dheanamh ga’n tearnadh? Fui’n mhothuchadh so [TD 279] d’ar staid chaillte, am faca sibh cia feumail Criosd, agus cia math a tha e a’ coimhfhreagradh r’er staid? Am Faca sibh iomlaineachd iobairt; agus an d’fhuair sibh làn-dearbhadh gu bheil e comasach agus toileach iadsan a thearnadh chum na cuid is faide a thig chum Dhe trìd-san? Air bhur stiùradh leis a bheachd so do Chriosd, a’ gabhail misnich o chuirreadh chàirdeil teachd na ionnsuidh, agus air bhur coimheigneachadh le àithne Athar, chum creidsin ’na ainm an do ghabh sibh ris mar thiodhlaca do-labhairt Dhe do dhaoine? An do ghabh sibh ris gu h-iomlan, mar bhur fàigh g’ar teagasg, agus ar righ g’ar riaghladh, co mhath ’s bhur sagart chum bhur cionta a dhìoladh? An do ghabh sibh ris, mar air a dheanamh dhuibh le Dia ’na ghliocas, ’na fhireantachd, ’na naomhachd agus ’na shaorsa? An do mhothuich sibh gu h-àraidh a ghràs a’ riaghladh bhur gnèth-inntin agus bhur giulan? An do theagaisg e dhuibh, mar a tha Pol a’ labhairt, gach uile mhi-dhiadhachd agus ain-mianna saoghalta aicheun, agus bhur beatha a chaitheadh gu measarra, gu cothromach agus gu diadhaidh? ’Se so amhàin a dhearbhas gu riachdail gur aithne dhuibh gràs Chriosd. [TD 280] Tha sinn a’ leughadh mu chreidimh mharbh, mu dhochas an-dàna, mu shìth fhàlsail, mu ainm a bhi beo, ach cha’n’eil ’s na nithe so gu leir ach didein na’m breug, a theid gu grad a sguabadh air falbh. Ach far am bheil fior-chreidimh an t-soisgeil air ainmeachadh, tha e air a nochdadh, ag oibreachadh tre ghràdh agus a’ toirt buaidh air an t-saoghal. Tha dochas an t-soisgeil a’ brosnachadh an dream aig am bheil e, chum iad fein a ghlanadh, mar a tha Dia glan. Tha sìth Dhe a’ gleidheadh an inntin agus an cridhe, tha è ga’n neartachadh an aghaidh ionnsuidh an naimhde. Tha so mar shochair aig an dream a tha fuidh ghràs, nach ’eil aig a pheacadh tighearnas orra. Tha iad a’ nochdadh gu bheil iad beo san Spiorad; le gluasachd san Spiorad, tha iad a’ dearbhadh gu bheil iad air eiridh maille re Criosd, leis na nithe sin iarruidh ata shuas, far am bheil Criosd na shuidhe aig deis làimh Dhe. Do reir nan comharan riachdail so, ma seadh, thugaibh anis breith co dhiu is aithne no nach aithne dhuibh gràs Chriosd. Mar aithne dhuibh e, iarruibh eolas air gu’n dàil, iarruibh so an gnàthachadh meadhonna nan gràs, an leugh- [TD 281] adh agus an eisdeachd fhocail, agus ann an ùrnuigh dhùrachdach re Dia. Iarraibh eolas air gràs Chriosd le dian-thogradh, mar ni a tha feumail chum bhur beatha spioradail, chum ar sòlais anis, agus bhur sonais fa dheoigh. Ach mu ’s aithne dhuibh gràs Chriosd a cheana, guidheam oirbh air 1. Glòir a thoirt do Dhia air son na’s aithne dhuibh dheth; agus aidmheil gu h-ioriosal gur esan amhàin a dh’fhosgail bhur suilean, agus a thionndaidh sibh o dhorchadas gu solus. Co a rinn eidar-dhealachadh oirbh-se o dhaoine eile? Tha an t-Abstol a’ toirt freagradh cearc do’n cheist so; Is e Dia, a thuirt ris an t-solus soillseachadh a dorchadas, a dhearlaich ann bhur cridheibh-ne, thoirt solus eolais glòire Dhe, an gnùis Iosa Criosd. Ni h-ann dhuibh-se, ach d’a shaor-chairdeas, a tha a ghlòir, ma seadh, dligheach. ’San 2. Thugadh an solus maidne so misneach dhuibh dochas ris an là iomlan altrum. Cha deanadh Criosd e fein gu cinnteach folamh, agus cha n’ fhàsadh e bochd, gun làn dearbhadh gu’m fàsadh cuid saibhir leis. Agus far am bheil Criosd a’ toiseachadh deadh obair, [TD 282] tha so na gheall cinnteach gu’n d’thoir se i air a h-aghaidh chum foirfeachd; oir mar is e ùghdar, ’se mar an ceudna fear-criochnaich creidimh a phobuill. Deanaibh, uime sin, gairdeachas, ann an dochas re glòir Dhe. Agus gus am bheil sibh a’ faotain seilbh air so, thugaibh fainear ’san 3. Na meadhonna sin uile a ghnàthachadh, a dh’òrduich Criosd chum tomhas nas mugha da ghràs fhaotain, araon a thaobh eolais agus eifeachd. ’A measg meadhonna eile, tha sacramaint na suipearach gu h-àraidh luachmhòr, o na chaidh a h-òrduchadh chum na ceart chriche so, a thoirt taisbeanadh soilleir dhuinn do ghràs Chriosd, am fàs bochd air ar soin-ne, chum tre a bhochduin, gu’m bitheamaid-ne air ar deanamh saibhir. Ann an so tha sinn gà fhaicin ni ’mhàin ann an staid ro-iosal, air a nochdadh gu soilleir air a cheusadh fa chomhair ar sùl; ach mar an ceudna a’ tairgse dhuinn, agus le comharan faicsinneach a’ builleachadh oirn, an saibhreas do-rannsachaidh a choisin e le fhùil, agus a tha e le eidar-ghuidhe a’ deanamh cinnteach. Mar cheann na h-Eaglais tha ’n saibhreas so aige, [TD 283] agus tha e le Spiorad a’ toirt da bhuill an tomhas sin dheth a tha feumail dhoibh. Dluthaicheamaid, ma seadh re bòrd an Tighearna; le creidimh, le gràdh, agus le cliu taingeil; agus ’nuair a tha sinn a’ toirt buidheachas dha, air son na’s aithne dhuinn a cheana da ghràs, guidheamaid air taisbeanadh na’s soilleireadh a thoirt dhuinn, a bheir neart agus sòlas d’ar n’anamaibh, fhad sa tha sinn air chuairt air talamh, gus an ruig sinn ann t-àite-comhnuidh glòirmhor sin far am bheil solus agus gràdh ìomlan, far am faic sinn Dia, mar a tha e, agus far am meal sinn e gu siorruidh. Gun deonaiche Dia gun ruig sinn uile an t-àite so fa dheoigh, agus dhà-san gu’n robh a ghlòir. Amen. [TD 284] SEARMOIN XIV. LUC. xv. 18, 19. Eiridh mi, agus theid mi dh’ionnsuidh m’ Athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi n’ aghaidh fhlaitheanais, agus a’d’ làthairsa; agus cha’n fhiu mi tuilleadh gu’n goirte do mhacsa-dhiom; dean mi mar aon do d’ luchd tuarasdail. ’SE an gleann iosal, ciuin a tha air uisgeachadh le driùchd Neamh; ’se so an t-àite, a tha blàth, tarbhach le teas na Greine; is ann an so a tha feur arbhar, agus meas gu pailt a’ fàs, is ann an so a tha daoine a’ gabhail tàmh. Amhuil so, se an cridhe iriosal, brònach àite-comhnuidh an De bheo, se so Teampul ionmhuinn an Spioraid, se so fior-chuspair tròcair [TD 285] Chriosd, se so a tha air ullachadh fa chomhair a ghràis, se so a ghiulaineas deadh thoradh. O àm leagadh brònach Adhamih, gu ruig an là an diu, tha an t-Abhairseir gu breugach ag innseadh do pheacairean gu bheil Dia cruaidh-chridheach, an-iochdmhor, nach gabh gu bràth riu-san, a dhuisg a chorruich, nach dean e tròcair orra, agus nach leig e dhoibh dol as gun sgrios. Tha peacairean, mo thruaighe, a’ creidsin nan nithe so, agus tha an eagal ga’n cumail fadda o Dhia. Anis o na tha e gu h-àraidh feumail, g’ar saoradh o thraillealachd an Abhairseir, agus g’ar toirt an ionnsuidh Dhe, gum bi fios cinnteach againn, gu bheil esan tròcaireach, cairdeil, agus ullamh chum gabhail ruinn, tha sinn, air an fhirinn sin, a’ faotain iomadh dearbhadh riachdail laidir. Mar dhearbhadh air so, tha Dia ’gar caomhnadh an tir na’m beo, tha e lionadh ar cupain le nithe maith na beatha so, tha e do ghnàth g’ar dionadh le chùram, agus g’ar cumail suas le choghnadh. Mar dhearbhadh air so, ’nuair a bha sinn gu tur caillte, sholair e fear-saoraidh air ar son, chuir [TD 286] e a mhac gràdhach fein g’ar n’iarraidh agus thug se eadhon thairis e g’ar tearnadh chum trioblaid, truaighe, agus bàis. A nuair a bha Criosd a bhos air talamh, araon ’na ghiulan agus le theagasg, nochd e gu minic, cairdeil, gu’m be a rùn gabhail re peacairean, agus tròcair a dheanamh orra. Dhuisg a chairdeas do pheacairean corruich nan Iudhach, agus labhair iad gu tàireil, aingidh na aghaidh. Ga’n saoradh o’m mearrachd, agus chum a mhaitheas a chur an ceill, labhair esan iomadh cosamhlachd, labhair fa leith comhad a mhic strutheil. Tha ’n comhad so gu h-àraidh brioghmhor, tha e gu soilleir a’ teagasg dhuinn tròcair agus cairdeas an De bheo. Tha ’n t-Athair a’ cur an ceill Dia an t-Athair, an sean mhac na h-Iudhaich, agus am mac strutheil na Geintilich. Mar shamhla air na h-Iudhaich, tha an sean mhac a’ deanamh uaill a shochairean, agus a sheirbhis, tha e mi-sheirceil agus sanntach, tha e re gearran agus maoidheamh, nuair a tha Athair a’ buntain gu cairdeil eadhon re bhràthair fein. Mar shamhla aris air na Geintilich, tha am mac strutheil a’ [TD 287] fàs sgith do theaghlach Athar, tha e ’g iarruidh a chuibhrionn da mhaoin, tha e gealtain deanamh air a shon fein, tha e a’ fàgail a chàirdean, an tòir sòlais agus sonais, tha e, gun soirbheas, a’ caitheadh a mhaoin, tha e le aimeadachd a’ teachd chum bochduin agus truaighe, tha so ga dhusgadh o chodal, tha e fàs iriosal, aithreachail, brònach, tha e anis deigheil air cairdeas Athar, tha e gu grad a dol na ionnsuidh. O na tha ’m mac strutheil na shamhla air fior-aithreachain anns gach àll, agus o na tha dearbhadh cinnteach againn gu’n d’fhuair e soirbheas, g’ar brosnachadh chum aigneidh altrum, agus eisiomplair a leantuin, ’se mo rùn, air an àm, le coghnadh Dhe, a bhriathra agus a ghiulan a mhìneachadh dhuibh. Agus air I. Tha e cur roimhe eiridh. ’S brònach leagadh, agus ’s iosal staid pheacairean! tha iad air tuiteam o fhior-naomhachd, o chairdeas De, o shonas Neamh; tha iad air tuiteam sios an liontaibh an Abhairseir, an eabar a pheacaidh; tha ’n anama priseil air fàs gun mhaise, gun lùth, gun treoir. [TD 288] Trìd a pheacaidh tha ’n anama, a chaidh a dhealbh, naomha, maiseach, do reir iomhaigh Dhe, anis ciontach truaillidh, do reir iomhaigh an Abhairseir; tha na suilean a chaidh a dhealbh, chum beachdachadh air Dia, agus air a ghlòir, anis gun leir-sin air na nithe sin; tha ’m beul a chaidh a dhealbh, chum a chliu a sheinn, anis a’ toirt ainm an diomhanas; tha ’n reusan a chaidh a dhealbh mar Uachdaran air am paisibh, anis na thràill dìblidh gun chumhachd, tha ’n cridhe a bha aon uair làn do ghràdh do Dhia, agus do sheirc do dhaoine, anis naimhdeil mi-sheirceil, truaillidh; tha ’n duine a bha aon uair na oighre air Neamh, anis na oighre air Ifrionn. Cia iosal, brònach anis Staid a pheacair, cia mòr a chunnart, cia uamhasach am peanas, da’m bheil e buailteach! ’Nuair a tha Criosd le ghràs ga dhusgadh, agus a nochdadh dha a chionta, agus a chunnart, tha e toirt aoirrip a pheacaidhean a threigsin le gràin agus bròn. Mar so le coghnadh Dhe, tha e ’g eiridh o eabar a pheacaidh se anis a rùn agus a mhiann seasamh gu direach na shlighe; cosmhuil re Pol, air ordugh Chriosd, tha e anis ag eiridh [TD 289] o’n talamh. Ach cha’n’eil e a’ stad an so, anns an II. Tha e cur roimhe imeachd. Eiridh mi, ars’ am mac strutheil agus theid mi, co luath sa mhothuich e a staid. An neach a tha na luidhe ann an toll, air a chuartachadh le naimhde, agus gach mionaid an cunnart bais, tha e gnàthachadh lùth a chasan neart a chuirp, innleachd inntin, agus gach meadhon eile ata na chomas, chum eiridh gu grad, agus imeachd gu luath chum dìdein. Amhuil so tha ’m peacair ath-bheothaichte ga ghiulan fein; oir air dha a chionta agus diomhanas nithe talmhaidh fhaicin, tha anam, aigneidh, agus a smuaintidh air an sgaradh o’n pheacadh, agus o’n t-saoghal, agus ag imeachd a dh’ionnsuidh Dhe agus Neamh. Oir mar a tha ’n corp ag imeachd, ’nuair a tha e dol o aon àite gu àit’ eile, mar so tha an t-anam ag imeachd, ’nuair a tha e dol o aon chuspair gu cuspair eile, se sin o’n Abhairseir agus o’n t-saoghal, dh’ionnsuidh Dhe agus Neamh. Tha ’n t-anam air tùs a’ faotain neart chum eiridh, agus an deigh so [TD 290] chum imeachd; cosmhuil re duine a tha fàs slàn an lorg teasaich, no tinneis tròm sam bith, tha a mhisneach agus a neart a’ fàs ni’s mò a chuid a chuid, gus am bheil e ag imeachd gu treun. Le adhaltranas agus morta, fhuair Daibhidh leagadh brònach, agus bha e rè ùine na chodal; ach co luath sa dhuisg Natan e, dh’eirich e air ball, le creidimh, aithreachas agus bròn, dh’imich se air ais a dh’ionnsuidh Dhe. Tha ’m mac strutheil ’san III. A’ cur roimhe dol a dh’ionnsuidh Athar. Dh’fhàg esan Athair cairdeil, fial, o’n robh e a’ faotain gach ni taitneach feumail, an dochas re tuilleadh sonais fhaotain, ach an àite so, fhuair e bochduin, agus truaighe. ’Na chunnart agus ’eigin mhòir smuaintich e air saibhreas agus cairdeas Athar, shaoil e fhathasd gun gabhadh e ris, agus chuir e roimhe dol d’a ionnsuidh. Ann an là a bhochduin agus a chunnairt, co ionnsuidh a theid mac, ach a dh’ionnsuidh Athar fein; is ann an so a [TD 291] gheibh e cridhe blàth, comhairle chairdeil, làmh ga dhìon, agus nithe feumail chum uireasuibh a dheanamh suas. Cosmhuil ris a mhac strutheil, tha peacairean a’ fàgail Dhe agus a sheirbhis; tha iad a’ ruidh le ciocras a dh’ionnsuidh an t-saoghail, agus seirbhis an Abhairseir; ach ’nuair a tha è mothuchadh, gu bheil an saoghal, mar mhuime choimhich fhuar, a’ diultadh fior-shòlas dhoibh, agus nach ’eil ach truaighe re fhaotain an seirbhis an Abhairseir, se an rùn pilltin a dh’ionnsuidh Dhe. ’Nan teinn tha iad ag amharc muncuairt doibh, tha iad a’ feoraich le togradh, “co a nochdas dhuinne math;” tha fhios aca gu bheil Dia ann, gu bheil gach ni feumail aige, gu bheil e trocaireach cairdeil, math, agus ullamh chum gabhail riù, ged a dhuisg iad gu minic a chorruich; uime sin maille re Peadar tha iad anis ag radh “co ionnsuidh a theid sinn, ach ad ionnsuidh-se ’mhàin, agad-sa ta briathra na beatha mairreanaich.” Mar so tha tròcair maitheas, agus cairdeas De, ann an Iosa Criosd, a’ toirt misneach do pheacairean ath-bheothaichte dol air an ais le dochas d’a ionnsuidh. [TD 292] Air dhuinn mar so a nochdadh, ciod a chuir am mac strutheil roimhe a dheanamh, thugamaid fainear ’sa IV. Ciod a chuir e roimhe a radh re Athair. Mar a bha na nithe, a chuir e roimhe a dheanamh, glic, dligheach agus cubhaidh, bha mar an ceudna na briathra a chuir e roimhe a labhairt; agus is cubhaidh do fhior aithreachain anns gach àll na briathra ceudna a ghnàthachadh, ann am pilltin a dh’ionnsuidh Dhe. Agus air 1. Tha e cur roimhe ainmeach Athair. S’ dluth, cairdeil an dàimh, a tha eidar Athair agus a mhac, is cruaidh, neo-mhothuchail cridhe a phàranta sin, anns nach ’eil an t-ainm so Athair o mhac fein, a’ dusgadh truacantas, caoimhneas agus gràdh. Leis an ainm so, tha ’m mac a’ cur an ceill, a dhàimh re pharanta, a dhiolghios air son gach oilbheum a thug se dha, a dheigh air a chair- [TD 293] deas, agus earbsa ’na mhaitheas agus ’na ghràdh. Agus co ’n t-Athair, is urrain a chridhe a ghlassadh, ’nuair a tha a leanabh fein mar so a’ labhairt ris? ’na co ’n t-Athair anns an staid so, is urrain nithe feumail a dhiultadh dha? ’Nis mar tha ar Slànuighear a’ labhairt, “ma’s aithne dhuibhse ata olc tiodhlacaibh maith a thoirt d’ar cloinn, nach mò ’na sin a bheir bhur n’ Athair ata air Neamh nithe maith dhoibhsan a dh’iarras air iad.” ’S ann o Dhia a tha parantaidh talmhaidh gu leir a’ faotain an truacantas agus an gràdh agus o so feudaidh sinn a bhi deirbhte, gu bheil gràdh an De bheo, araon iomlan agus do-labhairt. ’Nuair a tha fior-aithreachain a’ teachd d’a ionnsuidh, a’ lubadh sios ’na lathair, g’a ainmeach Athair, agus le so a’ cur an ceill an dàimh ris, an doilghios air son am peacaidh, an rùn umhlachd a thoirt dha, agus an earbsa ’na ghràs, tha truacantas agus gràdh Dhe air ball a’ lassadh a suas, tha e ga’n glacadh an ùchd a ghràidh, tha e gu cairdeil a’ gabhail riu, ged a’ bha iad roimhe so aimideach aingidh. Anns an [TD 294] 2. Chuir e roimhe a pheacaidh aidmheil. B’e rùn a mhic strutheil, ni ’mhàin gràdh, ach mar an ceudna tròcair Athar a dhusgadh, agus uime sin, ’nuair a dh’ainmich se e Athair, dh’aidich e gu h-ullamh a pheacaidh dha; maille ris a Phubliocanach le bròn cridhe, thubhairt e, pheacaich mi. An dream a tha Dia a’ dusgadh, agus a’ tarruing le ghràs d’a ionnsuidh, tha iad do ghnàth mar so ga’n giùlan-fein, tha iad a’ faicin an cionta agus an cunnart, tha am peacaidhean anis mar ealach thròm air an inntin, tha iad fuathach, gràineil nam beachd. Tha iad gràineil na’m beachd, mar ni fuathach do Dhia, mar ni cunnartach, ciùrail, milteach da’n anamaibh fein; agus mar a tha duine ann an eacail, gu h-ullamh ag aidmheil a thinneis do Leigh cairdeil, fiosrach, a chum’s gum fuigh è leughas uaithe, tha iadsan anis le bròn ag aidmheil am peacaidh do Dhia, a chum’s gum fuigh iad maitheanas agus gràs uaithe a leughas an anama. O na tha iad deirbhte, gur aithne do Dhia an staid agus an giulan, tha iad a’ nochdadh an aithreachais le’m peacaidh aidmheil gu h-ullamh, tha ’n treimh- [TD 295] le’n aidmheil gu leir, tha ’n deigh air maitheanas, le’n aidmheil do Dhia. ’San 3 Chuir e roimhe an tromachadh a pheacaidh aidmheil. ’Nar steidh-teagaisg, tha e ’g aidmheil da ni, a dh’an-tromaich gu mòr a pheacaidh, eadhon gun do pheacaich e ’n aghaidh fhlaitheanais, agus an làthair Athar. ’S dàna, aingidh an ni do mhac ceannairc a dheanamh an aghaidh ùghdarais Athar, ach ’s miosa gu mor so a dheanamh na lathàir fein; rinn am mac strutheil an da ni so, mhothaich è gu’n do mheudaich gu mòr a chionta; agus air an son anis, bha aithreachas domhain, bha a chaoidh cruaidh. Mar so tha ’m fior-àithreachan a’ faicin, ag aidmheil, agus a’ caoidh an-tromachadh lionmhor a pheacaidh; ’nuair a tha a shuilean air am fosgladh, tha e a’ faicin gu soilleir, gun do pheacaich e gu minic dàna an aghaidh fhlaitheanas, ’se sin an aghaidh ùghdarais an De bheo, a tha chomhnuidh anns na Neamhaibh shuas, agus eadhon an làthair Athar Neamhaidh. Cia mòr aingidheachd an [TD 296] dream, a tha peacachadh an aghaidh ùghdarais Dhe, agus eadhon na làthair fein; ’s olc an ni lagh ar Righ a bhrisseadh, ’s miosa so a dheanamh an aghaidh òrdugh àraidh, ach ’s miosa gu mor so a dheanamhn a làthair fein. Tha gach peacadh da’m bheil sinne ciontach mar so air an an tromachadh, tha iad uile air an cur an gniomh an aghaidh fhlaitheanais, agus an làthair Dhe. Tha ’n creidmheach a’ mothuchadh meud a chionta, tha e gu h-ullamh ag aidmheil agus a’ caoidh an-tromachadh a pheacaidh, maille re Daibhidh, tha e le bròn, cridhe ag radh, a d’ aghaidh, a d’ aghaidh-sa ’mhàin, pheacaich mi, o Dhe. Anns a 4. Chuir e roimhe irioslachd inntin a nochdadh. ’Nuair a thainig am mac strutheil chum aithreachais, mhothuich agus dh’aidich e ni ’mhàin a pheacaidhean agus an an-tromachadh, ach mar an ceudna a mhi-thoilteanas. Mar so tha ’m sior-aithreachan do ghnàth gu h-ullamh ag aidmheil a mhi-thoilteanais: le ruidh air falbh o theaghlach Athar, le cùl a [TD 297] chur re chairdeas, agus le giulan ea-cosmhuil re chloinn a bhi aige, tha e treigsin agus a’ call a chòir mar mhac, no cosmhuil re Esau, tha e reiceadh a chòir air son sòlas truagh a pheacaidh. ’Nuair a tha ’n t-aithreachan a’ toirt fainear a mhi-thoilteanais, tha e air ball a’ fàs iriosal, agus tha anis gu h-iriosal ag aidmheil, “cha ’n fhiu mi tuilleadh o Athair, gun goirte do mhac dhiom.” Ach ged a tha e mar so ag aidmheil nach fhiu e gun goirte mac dheth, gidheadh mar neach a tha deirbhte gur ann an teaghlach, Athar amhàin a gheibh e fior-shonas, tha e a’ cur an ceill a dhian rùn a bhi na theaghlach tha e ’g innseadh gum bitheadh è toillichte eadhon leis an staid a b’isle na thigh, “dean mi, ars’ esan, mar aon dod’ luchd-tuarasdail.” Maille re Daibhidh tha e ’g radh “b’fhearr leam a bhi am dhorsoir an tigh mo Dhia no comhnuidh a ghabhail am pailluin na h-aingidheachd:” no maille ris a mhnaoi ’san t-soisgeul mar fuigh e aran na cloinne, tha e toillichte leis an sbruileach a tha tuiteam o’n bhord, agus a tha air an toirt do chonnaibh an teaghlaich. Mar so tha e iriosal, co mhath is brònach, mar a bhuineas do [TD 298] mhac aimideach, aingidh. Ach fiosraichimid anis ’sa V. Cionnas a ghabh Athair ris. Fhuair Athair a mhic strutheil fios air giulan aimideach, agus air bochduin a mhic; agus o na bha è ’n duthaich choimhich, gun charaid, gun choghnadh shaoil e gu’n robh e gu tur caillte, agus dhuisg so a thruacantas Athaireil. ’Nuair a chunnaic an t-Athair caomh so a mhac caillte a’ teachd an cian, ’nuair a tharruing se dlu air, agus a mhothuich e aithreachas, irioslachd-inntin, agus earbsa ’na chairdeas, ghabh se truas ris, ruidh e na ionnsuidh, ghlac se e an uchd a ghràidh, agus phog se è mar Athair gràdhach aoibhneach. Chum a mhac a shaoradh o eagal, chum dochas agus sòlas altrum na inntin, agus chum aoibhneas fein a nochdadh, dh’òrduich an t-Athair a sgeudachadh air ball, a sgeudachadh mar a mhac-sa, mar a mhac-sa fa chomhair feisd, agus dh’òrduich anns an àm cheudna feisd mhòr aoibhneis air ball ullachadh. Mar so agus eadhon air mhogh [TD 299] gu mòr na’s cairdeile, tha Dia a’ gabhail re fior-aithreachain; tha e nochdadh dhoibh slighe chum imeachd na ionnsuidh, tha e a’ toirt dhoibh gliocas ga’n sdiuradh, tha neart chum imeachd innte, tha e toirt dhoibh misneach chum pilltin, tha e ga’n glacadh air làimh, tha e gu cairdeil ga’n treorachadh na ionnsuidh fein. Agus ’nuair a tha iad a’ pilltin, tha ’n Athair a’ gabhail truas riu, tha e ruidh nan coimhdhàil le throcair, tha e gabhail riu le gairdeachas, tha eadhon na h-Aingil naomh a’ deanamh gairdeachas, ann an aithreachas pheacairean, agus gu cinnteach tha gairdeachas an Athar Neamhaidh gu mòr na’s mugha. Co luath ’sa tha chlann a’ pilltin gu theaghlach, le bròn, irioslachd agus earbsa, tha Dia ga’n sgeudachadh, tha le fireantachd Chriosd, tha le iomhaigh fein; mar so tha e ga’n deanamh maiseach, agus iomchuidh fa chomhair na feisd, a tha e ’g ullachadh air an son. Si ’n fheisd so bòrd Chriosd, far am bheil a chairdean a’ faotain aran agus uisge ’na beatha, ’nuair a tha iad a’ pilltin an ionnsuidh Dhe, agus a tha iad air an sgeudachadh le fìreantachd Chriosd. Si so an [TD 300] fheisd is fhearr is sòlasaiche, a’s urrain daoine a bhlassadh air talamh; ann an so tha ar n’ anama a’ faotain neart agus sòlas, ann an so tha Dia a’ nochdadh saibhreas a ghràis, Criosd aoibhneas nar tearnadh, agus leis an fheisd so tha sinn air ar n’ ulluchadh fa chomhair sonas Neamh. Ann an cursa a fhreasdail tha Dia air an là ’n diu ag ullachadh feisd fa chomhair gach neach, a tha faicin cionta a pheacaidh, diomhanas nithe talmhaidh, a tha pilltin na ionnsuidh, agus a tha na’m mic aithreachail dha ann an Iosa Criosd. Nochd mi dhuibh air an àm ciod a rinn am mac strutheil, ciod a tha fior aithreachain do ghnàth a’ deanamh agus cionnas a tha Dia a’ gabhail riu. Ciod, ma seadh, bhur staid-sa, a bhraithre, an do lean sibh eisiomplair a mhic strutheil, tha a cheist so cudthromach, do reir mar a fhreagras bhur coguisean i, bitheadh bhur giulan air an àm. Mu tha sibh fhathasd air seacharan o Dhia, mu tha sibh a’ caitheadh bhur talanna gu faoin, mu tha sibh a’ cur earbsa an nithe talmhaidh, mu tha sibh ag imeachd [TD 301] an slighe a pheacaidh, ma tha sibh gun bheachd d’ar cionta, gun rùn pilltin gun aithreachas, gun bhròn, gun irìoslachd, agus gun earbsa ann an cairdeas De; tha e dàna, aingidh, cunnartach agus mi-cheaduichte dhuibh, suidhe an diu aig bòrd Chriosd, agus itheadh aig feisd ar n’ Athar Neamhaidh. Ach ma tha beachd, giulan agus aigneidh a mhic strutheil agaibh, ma tha sibh, cosmhuil risan, aithreachail iriosal agus earbsach a gràs De, ma theich sibh chum an t-Slànuighear, ma dh’eirich sibh o eabar a pheacaidh, ma phill sibh chum bhur n’ Athar, tha e an diu ’g ulluchadh feisd air bhur son agus gabhaidh se le aoibhneas ruibh. Feuch tha feisd aoibhneis bhur n’ Athar ullamh, tha esan anis a’ fosgladh a lamhan agus a chridhe gu farsuing chum gabhail ruibh, tha bhur Slànuighear a’ gealtain e-fein a nochdadh ann an gràdh d’ar n’ anamaibh. Thigibh, ma seadh, fhior-dheisciobuil an t-Slànuighear, thigibh le bròn air son bhur peacaidhean, thigibh le earbsa ann an cairdeas De, thigibh le aoibhneas ann an slàinte Chriosd, thigibh le rùn [TD 302] onoir a thoirt dha, thigibh chum gràs, neart, agus sòlas fhaotain uaithe, g’ar deanamh tairis, seasmhach ’na sheirbhis. Agus gun deonaiche Dia soirbheas dhuibh, agus da ainm-se gun roibh glòir. Amen. [TD 303] SEARMOIN XV. II. CORIN. xii. 9. Agus a dubhairt e rium is leòir mo ghràs-sa dhuit: oir ata mo chumhachd air a dheanamh foirfe ann an anmhuinneachd. ANNS na rannaibh roimhe so, tha ’n t-Abstol a’ toirt sgeul air taisbeanadh iongantach a fhuair e, muncuairt do cheithir-bliadhna-deug, mu’n do sgriobh è an litir so. Tha e ’g innseadh, gun deachaidh a thogail ’suas gu Pharras, no ’n treas Neamh (co dhiu ’sa choluinn, no a’s a’ choluin, cha b’ aithne dha,) ann an sin chual’ e briathra nach robh dligheach, no comasach do dhuine a labhairt. Tha e coslach, gu’n do thachair so uine bheag an lorg iompachaidh, agus gu’n robh aig Dia [TD 304] leis na bheachd, an dara cuid a shaoradh o’n amharus, agus o’n eagal, a dh’fheudadh a ghiulan roimhe sin a dhusgadh, no ga neartachadh an aghaidh gach cruaidh-chàs agus trioblaid a thigeadh na charaibh an deigh-làimh. Shaoileadh neach nach bitheadh e furasda droch fheum a dheanamh do thaisbeanadh co glòirmhor. ’Nuair bu mhiann leis an Abhairseir an Slànuighear a bhuaireadh chum aoradh a thoirt dha, rinn e so le beachd agus t-airgse le a thoirt dà do riaghachda an t-saoghail, agus dh’fheudadh am buaireadh so gun amharus sinne a sgrios. Tha nithe talmhaidh gu math a coimhfhreagradh chum ar n’ ain-mianna a dhusgadh, agus chum ar cridheachan a ghaoid o Dhia; ach cha ruig sinn a leas gu cinnteach a bhi fuidh eagal cunnairt o thaisbeanadh Neamhaidh. Cha n’ fheud e bhi, gu’n dean glòir an t-saoghail eile, gu’n dean taisbeanadh do na nithe ata shuas, air an d’aithn’ Dia dhuinn ar n’ aigneidh a shuidheachadh, cha n’ fheud e bhi gun dean so cron dhuinn. Agus gu cinnteach cha bhi sinn an cunnart, ’nuair a bhitheas sinn air ar saoradh o [TD 305] fhuigheal na truailleachd. Ach tha sinn a’ foghlum, o na thachair, gu’m feud, ’nar staid anmhunn, thruaillidh air an àm, eadhon beachd do Neamh a bhi na rib d’ar n’ anamaibh. Mar a tha sinn a’ leughadh ’san 7. rann bha Pol an cunnart a bhi air àrdachadh thair tomhas, tre ro-mheud an taisbeanaidh, agus uime sin thugadh dha sgolb ’san fheoil, teachdaire Shatain ga bhualadh. Tha na briathra so a’ cur an ceill gu’n robh am buaireadh cruaidh, goirt; agus o thoradh tha e soilleir, gu’n deachaidh òrduchadh ann an tròcair, agus gu’n robh è gu math a coimhfhreagradh chum a leas. Tha ’n Naomh ainmeil sin, a chaidh ùine bheag roimhe so a thogail suas gu Phàrras, anis ga ìsleachadh fein eadhon co iosal ris an dus. Tha e tuiteam sios air a ghlùinibh, agus a’ guidhe le dùrachd saorsa o dh’fheuchain. Tha e a-ris agus a-ris a’ cur suas ath-chuinge, ach cha’n’eil e a’ faotain freagradh. Mheudaich so gu cinnteach a thrioblaid. Bha teachdaire Shatain ga bhualadh gu goirt, agus bha Dia, le bhi na thosd, a reir coslais a’ diùltadh eisdeachd da ùrnuigh. Ach dh’oibrich eadhon so chum a leas; mhothuich e ni’s mo an- [TD 306] mhuinneachd fein, dhlùthaich e na bu teinne re cathair na trocair, agus chuir e suas ùrnuigh le tuilleadh dùrachd. Air son so ars’ esan, san 8. rann, ghuidh mi an Tighearna tri uaire, gu’n imicheadh e uam. Fa dheoigh thainig am freagradh am briathraibh steidh mo theagaisg, agus thuirt e, ’s leòir mo ghras-sa dhuit. Feudaidh sibh a thoirt fainear, an deigh gach ath-chuinge a chuir e ’suas, nach d’thug an Tighearna dha an ceart ni a dh’iarr e; ach thug e ni b’fhearr, dha agus ni a bha na b’fhearr a coimhfhreagradh re staid. Bha feum aig Pol a bhi air a neartachadh an aghaidh uabhar spioradail, bha sgolb ’s an fheoil feumail chum na crìche so, agus cha bhitheadh e na ni cairdeil a shaoradh air ball; uime sin ghleidh an Tighearna e car tamuil ann an teinn, ach gheall è ’san àm cheudna gràs ga chumail suas. Cha n’ fheudar mar gu’n abradh Criosd, teachdaire Shatain a chur air falbh, an t-eagal gu’n di’-chuimhnich thu gur ann annam-sa àta do choghnadh; ach seasaidh mi teann ort, agus neartaichidh mi thu, chum am buaireadh a ghiulan. Le so [TD 307] mothuichidh tu araon d’anmhuinneachd fein, agus cumhachd mo ghràis-se agus bithidh t-anam air a dhìon an da chuid o an-danadas, agus o mhi-earbsa; da ni a tha le cheile millteach do’n t-seirbhis a bhuineas dhomhsa, agus do shonas mo phobuill. Do reir a bheachd so do na briathra, se mo rùn le coghnadh Dhe, air I. Air cur air ar faicil an aghaidh uabhair spioradail, agus fein-earbsa. II. A nochdadh, chum misneach a thoirt dhuibh, gu bheil gràs nì’s leòir ann an Criosd, g’ar neartachadh an aghaidh gach buaireidh. Agus ann an sin foghnadh a dheanamh. 1. Tha mi gu aoirrip a thoirt air bhur deanamh faicilleach an aghaidh uabhar Spioradail agus fein-earbsa, le nochdadh dhuibh o fhocal De, cia anmhunn, bochd an staid anns am bheil sibh air tuiteam leis a pheacadh. Air [TD 308] 1. Dh’fheadainn iomadh earran do fhocal ainmeach, a tha gu riachdail a’ cur an ceill truailleachd ar natuir, agus gu bheil sinn ea-comasach sinn fein a shaoradh o’n staid so; ach tha so air a theagasg ann an coimhlion earran, is nach ruig mi leas ar n’ uine a chaitheadh na’n ainmeach. Nach ’eil ar slàinte trìd Iosa Criosd gu soilleir a’ cur an ceill gu bheil sinn ciontach, truaillidh anmhunn. Nach ’eil geallanna Dhe, gu’n d’thoir e air falbh an cridhe cloiche, agus gu’n d’thoir e dhuinn cridhe feola, a’ cur an ceill, gur iad so oibre Dhe amhàin, agus nach urrain an duine nithe co mhòr a dheanamh air a shon fein? An d’thugadh Dia àithne dhuinn ùrnuigh a dheanamh air son na’n tiodhlacaibh priseil so, na’m b’urrain sinn am faotain le’r gliocas no le’r neart fein? Nach deanamaid, eadhon fanoid air Dia, leis na nithe sin iarruidh a th’againn a cheana, no a dh’fheudas sinn fhaotain, ’nuair is toil leinn, as eugmhais a choghnaidh? Nach ’eil e air innseadh dhuinn, gu bheil gach tiodhlaca math agus iomlan o’n àird’ a’ teachd anuas o Athair na soillse? Nach ’eil e air a radh ’sgach àite, gu bheil sinn air ar naomhachadh le [TD 309] Spiorad De? Nach ’eil na naoimh air an ainmeach obair Dhe, air an cruthachadh ann an Iosa Criosd chum deadh oibre, a dh’òrduich Dia roimh làimh chum gu’n gluaiseadh iad annta? Nach ’eil gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creidimh, macantas agus measarrachd air an ainmeach toradh an Spioraid? Anis ma bheir sinn breith air focal De, mar a tha sinn a’ toirt air leabhraichean eile, ’s eigin aidmheil gu h-ullamh o na chaidh a radh, gu bheil gràs De gu h-àraidh feumail dhuinn. ’San 2. Tha ’n sgeul so air a dhaighneachadh le teisteas nan Naomh. Tha iadsan uile, air mhogh ro-ioriosal, ag aidmheil an cionta, an truailleachd, agus an anmhuinneachd, tha iad a’ diultadh cliu gach ni math a bha annta, agus a’ toirt glòir gach ni a bha iad, a’ sealbhachadh, no ris an robh duil aca, do shaor ghràs De. ’S riachdail an doigh air am bheil Daibhidh a’ caoidh a chionta. Feuch, dhealbhadh mi ann an cionta, agus am peacadh ghabh mo mhathair mi ’na broinn. Agus cia domhain am [TD 310] beachd a bh’aige da anmhuinneachd chum e fein a ghlanadh, ’nuair, a labhair e mar so re Dia. Cruthaich annam, o Dhe, cridhe glan, agus ath-nuadhaich Spiorad ceart an taobh a stigh dhiom. Ach chum nach saoileadh neach air bith, gu’n do labhair Daibhidh mar so, mar leith-sgeul air son a ghiulan truaillidh, eisdibh re briathra Phoil Romh. vii. 18—25. Ann an so tha agaibh neach, nach robh a bheag gaoraid air na h-Abstolaibh a b’àirde, agus aig an robh aon uair beachd mòr d’a mhaitheas fein, gu treimh-dhireach ag aidmheil a thruailleachd naturail, a’ caoidh fuigheall corp a pheacaidh, agus a’ toirt cliu gach tiodhlaca, agus gach gràs a bh’aige do Dhia. Oir mar so, ann an àite eile, tha e a’ labhairt, le gràs De ata mi mar a tha mi, agus cha robh a ghràs, a chaidh a bhuilleachadh orm, gu’n bhrìgh, ach shaorthaich mi ni’s mo no iad uile, gidheadh cha mhise, ach gràs De a bha maille rium. Ciod a sdiùr Pol chum labhairt mar so? ciod ach a ghràdh do’n fhirinn? Gach neach a dh’fheuch an neart, gach neach a thug aoirrip seasamh an aghaidh buaireadh, agus [TD 311] an dleasdanais a chuir ann an gniomh; aidichidh iad gu h-ullamh an ni ceudna. An do mhothuich sibhse cumhachd gràis De? An do bhlais agus am faca sibh gu bheil an Tighearna math? ’S cubhaidh gu cinnteach d’ar n’anmaibh, a bheannachadh. Ach bithibh iriosal, cuiribh stad air ball air gach smuainte àrd a tha ’g eiridh ’suas. Thugaibh fàinear c’ait am bheil sibh, agus co sibh. Tha sibh fhathasd air an talamh, tha cuid do’n fhàsaich romhaibh, ’s eigin dhuibh dol trid gleann agus sgaile dorch a bhàis mu’n d’theid sibh a steach do thalamh a gheallaidh. Tha fuigheal mòr do thruailleachd fhathasd ’nur natur tha iomadh nàmhaid a’ toirt ionnsuidh oirbh an taobh a muigh, agus an taobh a stigh; tha saighde teinteach an droch Spioraid ag itealaich gu tiugh air gach taobh; agus cha n’urrain ni na’s lugha no làmh uile-chumhachdaich Dhe bhur dìon agus bhur cumail ’suas, agus bhur toirt air bhur n’aghaidh gu tearuinte gu crioch bhur turuis. Ma tha sibh a’ cur earbsa sam bith annaibh fein, ma tha sibh a’ cur earbsa sa ghràs a fhuair sibh a cheana, mar gu’m bu leòir so, air son an àm ata re teachd gheibh sibh gu grad dearbhadh [TD 312] riachdail araon, d’ar n’ain-eolas, agus d’ar n’aimideachd. Tha feum agaibh air gràs lathail, co mhath is air aran lathail; oir ma tha sibh air bhur sgaradh o Chriosd, cha’n’urrain sibh ni maith sam bith a dheanamh. Mar so tha e-fein a’ labhairt Eoin xv. 5, ’S mise an fhionain, sibhse na geuga: an ti a dh’fhanas annam-sa, agus mise ann-san, bheir esan mòr-thoradh uaith: oir as m’eugmhais-se cha n’urradh sibh aon ni a dheanamh. Thugaibh fainear, nach toisich sibh re ni sam bith ’nar neart fein; oir an ni ris am bheil sibh a’ toiseach (nar neart fein) am fein-earbsa, criochnaichidh e gu cinnteach araon ann an nàire, agus ann an calldach bhur dochais. Rachaibh-se, ma seadh amach ann an ainm Tighearna nan slogh, ag radh maille ris an Righ mhaith sin Iehosaphat, o Thighearna, cha n’aithne dhuinne ciod is còir dhuinn a dheanamh, ach tha ar suilean riut-sa. Mar so nochd mi dhuibh o fhocal De, agus o theisteas nan Naomh, gu bheil sliochd an duine, ciontach, truaillidh agus anmhunn. Rinn mi so gar deanamh iriosal, agus deigheil air gràs agus coghnadh fhaotain o Chriosd. [TD 313] As eugmhais a ghràis, ’s anmhunn sinn, gheibh gach namhaid buaidh oirn, leis gach buaireadh tuitidh sinn gu h-ullamh gu làr. Cia brònach a bhitheadh ar staid, mar bitheadh gràs re fhaotain, agus cia taingeil is còir dhuinn a bhi, gu bheil aig Criosd gràs re bhuilleachadh oirn. (Air àm eile, bheir mi aoirrip a nochdadh, gu bheil ni’s leoir do ghràs aig Criosd air son gach h-aon againn; agus gu’n deonaiche Dia gu’m mothuich sinn ar feum air, agus gu’n iarr sinn e le durachd, agus dha-san gu’n robh a ghlòir. Amen.) Agus mar a tha pailteas do ghràs aige, tha e g’a thairgse gu saor, tha e guidhe oirn gabhail ris. ’Nuair a tha sibh a’ mothuchadh bhur n’anmhuinneachd, na caillibh bhur misneach, ach beachdaichibh air ceannard treun bhur slàinte; agus ’nuair a tha sibh a’ mothuchadh bhur truailleachd, na d’thugaibh sibh fein thairis do an-dochas, ach beachdaichibh air Criosd, a tha saibhir ann an tròcair, agus ann an gràs. ’Se rùn bhur Slànuighear a nochdadh dhuibh, ciod sibh, chum le’r bochduin fhaicin, gu’n ruidh sibh gu dian na ionnsuidh, agus gu’n glaodh sibh gu [TD 314] cruaidh risan, a tha toileach cobhair a dheanamh oirbh. Mar so bhuin e re phobull anns gach àll ’nuair a bè a rùn an toirt na ionnsuidh fein. An d’thug Dia dhuibhse beachd d’ar staid, is comhartha so air mhaith, bithibh iriosal agus aithreachail. An ti a dhuisg sibh, bheir e dhuibh solus, bheir neart agus gràs. [TD 315] SEARMOIN XV. II. CORIN. xii. 9. Agus thuirt se rium, ’s leoir mo ghràs-sa dhuit. ANNS na briathra so tha againn am freagradh cairdeil a thug a Shlànuighear do Phol, ’nuair a bha e air a bhualadh gu goirt le teachdaire Shatain. Bha a staid air an àm cruaidh, bha a dh’fheuchain mòr, agus ann an lorg so bha mòr-fheum aige air coghnadh. Uine bheag roimhe so, chaidh an t-Abstol àrdachadh gu mor, fhuair e taisbeanadh glòir-mhor, ach ga ghleidheadh iorasal san àm cheudna fhuair e sgolb san fheoil, thainig Teachdaire Shatain g’a bhualadh. ’Na theinn agus ’na chruaidh-chas, ghlaodh e re Dia, [TD 316] rinn e urnuigh, rinn trì uairean, rinn le durachd; ghuidh e air Criosd a shaoradh o bhuaireadh; mar ni nach robh, chum a leas, dhiult Criosd saorsa dha, ach fhreagair e gu cairdeil ann am briathra steidh mo theagaisg, ’s leòir mo ghràs-sa dhuit. Ann an labhairt o na briathra so air àm eile, nochd mi dhuibh o fhocal De agus o theisteas nan naomh, gu bheil sliochd an duine gu leir ciontach, truaillidh agus anmhunn, agus gu bheil mòr-fheum aca air gràs. Agus ’se mo rùn anis, le cognadh Dhe, ’san II. Bhur smuainteadh a stiuradh chum a ghràis iomlain-sin ata ann an Criosd leis an urrain e an dream a’s anmhuinne’ da phobull a neartachadh chum buaireadh, an Abhairseir a ghiulan, agus leis am fuigh iad fa dheoigh buaidh iomlan air an naimhde Spioradail gu leir. Tha ’n teagasg, so gu h-àraidh sòlasach, agus gu math a’ coimhfhreagradh chum earbsa agus aoibhneas a ghineamhuin anns gach [TD 317] fior-chreidmheach. Cia bochd, brònach a bhitheadh ar staid, na’m fuigheadhmaid beachd d’ar n’anmhuinneachd, gun fhios c’àit am bheil cobhair re fhaotain, agus gu h-àraidh gun dochas gun deantar cobhair oirne. Ach buidheachas do Dhia cha ni so ar staid. Oir air 1. Tha tobar do ghràs, a tha ghnàth a’ sruthadh air fhosgladh gu farsuing d’ar beachd. Mar so tha Eoin a’ labhairt, agus rinneadh am focal na fheoil, agus ghabh se comhnuidh ’nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin mhic an Athar) làn gràis agus fìrinn. Agus tha Pol ag radh, b’e deadh-ghean an Athar, gu’n comhnuicheadh gach uile iom-laineachd anns-an. Agus a-ris anns-an ata uile iom-laine na diadhachd a’ gabhail comhnuidh gu corporra. Tha againn ann an so ni ’mhàin lànachd, ach gach uile lànachd, tha eadhon iom-laine na diadhachd a’ gabhail comhnuidh ann an Criosd gu corporra. Nise ciod na briathra is urrain gràs ni’s leoir a chur an ceill, mar cuir na briath- [TD 318] ra so? Ach am feud dùil a bhi againne, gu’n d’theid an gràs so a bhuilleachadh oirn? Feudaidh gun amharus. Oir ’san 2. Tha focal De a’ teagasg gu bheil an gràs so air a thasgaidh ann an Criosd chum leas a phobuill. Cha ruig mi leas earranna àraidh do’n Scriobtuire ainmeach, chum so a dhearbhadh, o na tha e soilleir o fhocal De gu leir, far am bheil Criosd air a nochdadh, mar neach a tha gabhail air fein oifig eadar-mheadhon-fheair, mar neach a bha beo, agus a fhuair bàs ni h-ann air a shon fein, ach air sgàth an dream a thug an t-Athair dha. O so tha e air ainmeach an ceann, agus creidmhich buill a chuirp. Tha e air a choimeas re fionain, agus iadsan re geugan a tha fàs o so, agus a tha tarruing am brigh agus an sùth gu leir o’n fhionain. Tha fàidheadoireachd Isaiah, a ghabh air Slanuighear chuige fein an sinagog Nasaret, na dhearbhadh riachdail air an fhirinn so. Tha Spiorad an Tighearna Dia orm, do bhrìgh gu’n d’ung an Tighearna mi a shearmonachadh deadh sgeil do na daoine mac- [TD 319] anta; chuir se mi a cheangal ’suas a chridhe bhruite, a ghairm saorsa do na braighidibh, agus fosgladh a phriosuin dhoibh-se ata ceangailte: A dh’òrduchadh dhoibh-san ata caoidh ann an Sion, a thoirt dhoibh maise air son luatha, oladh a ghairdeachais air son do-broin, eadach a’ mhollaidh air son Spiorad bruite; chum gu’m bitheadh iad air an ainmeach craobhan na fìreantachd, planndachadh an Tighearna, chum gu’m bitheadh esan air a ghlorachadh. Tha e an so air innseadh gu soilleir, gu’n deachaidh Criosd ùngadh, agus a lionadh leis an Spiorad, eadhon chum na crìche so gu’n d’thugadh e d’a phobull an tomhas sin do ghràs a bhitheadh feumail a reir an staid. Tha e air innseadh 3. Gu bheil Criosd air gach àm toileach agus ullamh a ghràs a thoirt da phobull a reir am feum. Tha ain-eolas mu so a’ gleidheadh iomadh Criosduigh ann an staid bhrònach, bhochd. Ged a tha fhios aca, gu bheil uile iomlaine na diadhachd a’ gabhail comhnuidh ann an Criosd, agus gu bheil pailteas do ghràs aige [TD 320] chum leas a phobuill, gidheadh tha iad air an claoidh le amharus agus eagal nach ’eil e toileach gràs a thoirt dhoibh-san. Tha ’n teagal agus an t-amharus so ann an caileigin ’g eiridh ’suas o’m mothuchadh d’am mi thoillteanas fein, agus gu h-àraidh o’n bheachd fhallsail, a tha ’n t-Abhairseir, an àrd namhaid, a’ toirt dhoibh, ga’n gleidheadh air falbh o thobar na tròcair, agus ga’m fuadachadh o’n t-Slànuighear uile-chumhachdach sin air an do leag Dia an cobhair. Ach buidheachas do Dhia! tha fhocal a’ toirt dhuinn argumeint a tha neartmhor ni’s leoir chum an t-Abhairseir a chuir na thosd. Tha deadh-ghean ar Tighearna air a dhearbhadh air mhogh co shoilleir anns gach earran d’a fhocal, is nach urrain sinn a bhi ann an amharus mu dheimhin. Mar a tha e air innseadh an soisgeul Eoin, air an là dheireannach, là mòr sin na feisde, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag radh, ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e m’ionnsuidhse agus oladh e; an ti a chreideas ionnam-sa, sruthaidh as a bhroinn aimhnichean do uisge beo: Ach labhair e so mu’n Spiorad, a bha iadsan a chreideadh ann-san, gu fhaghail. Agus ann an leabhar taisbean [TD 321] Eoin tha e air a nochdadh, a ’seasamh aig an dorus, agus a’ bualadh, leis na briathra gràsmhor so ’na bheul, mu dh’eisdeas neach sam bith re’m ghuth, agus gu’m fosgail e ’n dorus, thig mi na ionnsuidh agus gabhaidh mi mo shuipeir maille ris, agus esan maille rium-sa. Cia caomh ainm, Iosa, an Slanuighear; cia cairdeil an dàimh anns am bheil e a’ seasamh re phobull, mar am buachaile, an caraid, am fear-posda, am bràthair? Nach deachaidh a bhuaireadh, chum gu’n d’thugadh e coghnadh dhoibh-san a tha air am buaireadh? Agus an urrainn sinn a bhi ann an amharus mu ghràdh an ti sin, a dh’fhàs na fheoil d’ar feoil agus a ghiulain ar trioblaide, eadhon chum na criche so, gu’m bitheadh e gràsmhor? Feudaidh sinn eadhoin an fhirinn so a dhearbhadh o ghiulan thaobh a phobuill. Tha gach naomh a tha ’n diu mu chathair riaghail, a fhuair buaidh le fùil agus Spiorad an Uain, a’ toirt fianais do’n fhirinn so: Agus tha mi ann an dochas, gu bheil iomadh mile an diu air talamh, a dh’fheudas le taingealachd agus aoibhneas an seula a chur ris an fhirinn cheudna, agus a radh maille re Eoin, a’s a làn-san fhuair sinn uile, agus gràs air [TD 322] son gràis. Dh’fheudamaid tuilleadh a radh air a cheann so, ach ’s leòir na chuala sibh chum a nochdadh, gu bheil gach aobhar misnich aig Criosduighean teachd le dànadas gu caithir nan gràs, chum gu’m fuigh iad trocair, agus gu’n ruig iad air gràs chum cobhair an àm am feuma. Agus uime sin ainmichidh mi amhàin ’sa 4. Gun d’thoir gràs Chriosd, ’nuair a tha e air fhaotain, gu cinnteach buaidh air gach nàmhaid, agus air gach ni a tha cur na aghaidh. An ti sin ata na ùghdar, tha e mar an ceudna na fhear-criochnaich do chreidimh a phobuill; oir tha a thiodhlaca agus a ghairm gun aithreachas. Cha bhrisd esan a chuilc bhrùite, agus ni mùch è an lion as am bheil deatach, gus an d’thoir e ’mach breitheanas chum buaidh. Ged a tha gràs, mar shruthan, beag, gidheadh tha ’n tobar o’m bheil e teachd siorruidh. Far am bheil Criosd a’ toiseach deadh obair, bheir se è chum foirfeachd, agus cha ’n fhàg se cuspairean a ghràidh, gus an dean se iad cosmhuil ris fein, [TD 323] uile-ghlòirmhor an taobh a stigh agus an taobh a muigh, agus gus an nochd se iad d’a Athair gu’n lochd agus gu’n smal. Mar so thug mi aoirrip a nochdadh dhuibh, gu bheil gràs ni’s leoir aig Criosd air son a phobuill, ge be ciod an staid; agus nach ruig neach sam bith, a thig na ionnsuidh, a bhi fuidh eagal, gu’n cuir se folamh iad air falbh. Tha iad air an gleidheadh, ni h-ann le’n neart fein, ach le cumhachd Dhe trid creidimh chum slàinte. Cia taitneach, cia sona staid an dream, a tha air an dlùth-cheangal re Criosd. O seinnibh òran nuadh do’n Tighearna, agus a chliu ann an coimhthional nan naomh. Deanadh Israel gairdeachas san ti a dhealbh agus a shaor e, agus bitheadh clann Shion aoibhneach na’n Righ. Leigibh dhomh anise an t-iomlan a choimhdhùnadh le comhairle na dha. Agus air 1. Feudaidh dùil a bhi agaibh re coimh-chogadh bhur naimhde ’nar slighe chum Neamh. Bheir bhur truailleachd fein iomadh ionnsuidh oirbh, agus bheir bhur naimhde iomadh aoirrip bhur pilleadh air bhur n’ais. [TD 324] Nuair a tha Criosd air a dhealbh annaibh, bithidh Ifrinn gu leir roimhe cheile, agus cuiridh na Spioraid aingidh a tha ann an sin rompa gach cron is urrain iad a dheanamh dhuibh. Ni daoine aingidh fanoid oirbh, cuiridh bhur sean chompanaich sa pheacadh an cuimhne bhur lochda dhuibh, agus bheir iad aoirrip bhur t-arruing air bhur n’ais do’n slighe fein. Feudaidh duil a bhi agaibh ris na nithe so, dh’fhuiling pobull De iad anns gach all; agus ma tha sibhse ga’m fulang, tha ann an deadh chàs, tha maille re deadh chommunn. Bithibh foighidneach agus treun, deanaibh gairdeachas agus bithibh subhach air ma dh’fhuilingeas sibh air sgàth Chriosd, ’s mòr gun amharus bhur duais ann an Neamh. ’San 2. Biodh agaibh gnàth-mhothuchadh d’ur n’anmhuinneachd fein. Na bithibh àrd-inntineach, ach fuidh eagal, do reir comhairle an Abstol. Ni sibh amhàin obair da rireadh, ’nuair a tha sibh a’ deanamh obair leis a choghnadh a tha sibh air an àm a’ faotain: bithidh feum aig a [TD 325] ghràs a tha sibh an diu a’ faotain, air tuille am maireach gu ath bheothachadh. Oir tha Criosd a’ toirt a thiodhlacaidh àraidh air an doigh sin, chum’s gu’n cuimhnich a phobull do ghnàth earbsa a chur ann-san, agus ga’n deanamh dùrachdach an deanamh feum do na meadhonna sin a shuidhich esan chum am beatha spioradail a’ neartachadh. ’San 3. Bitheadh smuainte urramach agaibh d’ur Tighearna. Ge be ciod a tha ’n t-Abhairseir a’ cur an ceill, creidimh so, gu bheil cridhe Chriosd cairdeil, agus gu bheil a làmh fial. Tha e gu h-àraidh feumail, gu’m bi, beachd ceart agaibh do Chriosd, agus gu’m bi fios agaibh, gu bheil tròcair agus neart air an tasgaidh ann-san air bhur son. Na beachdaichibh co mhòr air bhur naimhde, as air ceannard bhur slàinte; cuiribh a gheallanna an aghaidh am bagraidh, a ghràs uile-fhoghainteach an aghaidh am mi-rùin. Bithibh ma seadh duineil, treun, agus gheibh sibh gu cinteach buaidh; an ùine ghrad brùthaidh Prionnsa na sìth, agus Leoghan treabh Iudah an t-Abhairseir [TD 326] fuidh ’ur co-saibh, agus cuiridh se an t-oran molaidh so ’nur bilibh. Anis àta slàinte agus neart agus rioghachd ar De-ne, agus cumhachd a Chriosd air teachd; oir thilgeadh fios fear-casaid na’m bràithre, a bha ga’n casaid an làthair ar De-ne a là agus a dh’oi’che. ’Sa 4. Cuimhnichibh a ghnàth gu bheil an gràs foghainteach so re fhaotain amhàin le ùrnuigh agus ath-chuinge. ’Se mo rùn, ars’ Dia, gu’n iarr pobull Israeil so uam chum gun dean mi e air an son. Agus chi sibh gu’m b’eigin do Phol ùrnuigh a dheanamh trì uairean, mu’n d’fhuair e am freagradh a tha air a chur sios ’nar steidh-teagaisg. Tha ùrnuigh a gleidhidh na slighe fosgailte eidar an ceann agus na buill; so ’n teachdaire a tha dol o thalamh gu Neamh, agus a tha pilltin leis gach tiodhlaca feumail. Na leigibh ma seadh air dearmad an dleasdanas cuidthromach so. Ach deanaibh ùrnuigh an creidimh, deanaibh urnuigh a ghnàth, agus guidhibh air Criosd bhur teagasg chum ùrnuigh, gu ceart a dheanamh, chum’s gu’n [TD 327] iarr agus gu’m fuigh sibh, agus gu’m be bhur n’ aoibhneas iomlan. Agus anis, a bhràithre tha mi g’ar taiceadh re Dia, agus re focal a ghràis, àta comasach air sibhse a thogail ’suas, agus oighreachd a thoirt dhuibh a’ measg na muintir sin uile ata air an naomhachadh. Amen. [TD 328] SEARMOIN XVI. TAISB. iii. 21. Dhà-san a bhuadhaicheas, bheir mi comas suidhe maille rium, air mo Righ-chaithir, eadhon fòs mar a bhuadhaich mi fein, agus a tha mi am shuidh’, maille rem’ Athair, air a Righ-chathair. ’NUAIR a chaidh Criosd ’suas do Neamh, agus a shuidh e aig deas-làimh an Athar, cha d’fhàs e neo-chuimhneachail air leas a phobuill. Ach an lorg seilbh a ghabhail air glòir, a reir a gheallaidh chuir e anuas an Spiorad, chum comhnuidh a ghabhail annta; agus tha e fein beo gu siorruidh gu eidar- [TD 329] ghuidhe a dheanamh air an son. Agus mar a thug Criosd buaidh air a’ naimhde, se a rùn gu’m buaidhaicheadh a chairdean mar an ceudna, chum mar a dh’àrdaicheadh esan gu glòir, gu’m bitheadh iadsan gu siorruigh maille ris. Tha iomadh ainm aig Criosd am focal De, a chur an ceill a dhàimh r’a dheisciobuil, agus a ghiùlan da’n taobh; ann am briathraibh stèidh ar teagaisg, tha e gu h-àraidh air ainmeach an Ceannard. O na bha ’n naimhde lionmhor, o na bha iomadh triobloid aca r’a ghiulan, agus iomadh cath re chur, tha esan o Neamh, agus le beul Eoin, a’ labhairt riu gu riachdail, chum misneach agus sòlas a thoirt da’n anamaibh. An ni so a gheall Criosd da dheisciobuil o shean, tha e a’ gealtuin do gach h-aon againne, air an là ’n diu, agus ’s fhiach a bhriathra gu math ar n’ aire. Agus chum am mìneachadh dhuibh, fiosraichimid an I. Ciod e buadhachadh, mar Chriosduighean. [TD 330] Tha buadhachadh a’ cur an ceill, gu bheil sinn a’ faotain buaidh air naimhde àraidh, a tha cogadh ’nar n’ aghaidh, agus a’ bagairt cron a dheanamh dhuinn. Tha focal De a’ teagasg, co iad ar naimhde, agus ciod an rùn. ’S iad ar naimhde, an Diabhol an saoghal, agus an fheoil; agus ’se ’n rùn, ar n’inntin a dhalladh, ar n’anama a thruailleadh, agus ar sonas a sgrios. Chum buaidh, ma seadh, fhaotain orra, ’s eigin dhuinn an 1. Seasamh gu duineil nan aghaidh. ’Se gliocas a Chriosduigh air, uairibh, e-fein a chumail fadda o ionnsuidh a naimhde, agus teicheadh o shlighe a bhuaireidh. Ach ’nuair nach fhuigh e, gun pheacadh, slighe a bhuaireidh a sheachnadh, ’s eigin dha seasamh gu duineil, agus cath na creidimh a chogadh gu treun. Tha ’n t-Abhairseir, mar Leomhan beucach, do ghnàth ag iarruidh cothrum, gu ionnsuidh a thoirt oirn; agus a’ dusgadh droch smuaintidh ’nar n’ inntin. Tha ’n Saoghal a’ nochdadh nithe, a tha taitneach d’ar n’ ain-miannaidh, agus gu tric a’ dusgadh ar n’ an-tograidh peacach. Agus tha [TD 331] ’n fheoil a-ris, le miann agus ciocras, le miodal agus ceilg, gu minic g’ar brath thairis do lamha ar naimhde eile. ’Nuair a tha ar naimhde mar so, no air doigh sam bith eile a’ toirt ionnsuidh oirn, chum seasamh le buaidh nan aghaidh ’s eigin dhuinn gliocas, misneach, agus cumhachda eile ar n’ anama a dhusgadh, agus a chur air ghleus. Cuiribh, arsa Seumas, an aghaidh an Diabhoil, agus teichidh se uaibh; agus tha Peadar ag àithne dhuinn, cur na aghaidh, Seasmhach ’nar creidimh. Tha Pol ag radh, na bithibh air bhur cumadh ris an t-saoghal. Agus aris, ceusaibh an fheoil, maille r’a h-ain-miannaibh agus a h-an-tograibh. ’Nuair a tha sibh air bhur buaireadh gu peacadh sam bith, cuimhnichibh gu bheil Dia a làthair, gu bheil Criosd air bhur taobh, mar thearmunn treun, agus gheibh sibh saorsa o’n bhuaireadh. Mar so theich Satan o ar Slànuighear air ball, co luath sa ghlac se cloidheamh an Spioraid, focal De. Ach chum buaidh fhaotain, ’s eigin dhuinn ’san [TD 332] 2. Meadhonna ceart a ghnàthachadh. O fhior-eolas air ar staid, ar n’ anmhuinneachd, ar naimhde agus ar cunnart, tha Criosd ag radh ris gach h-aon againn, deanaibh faire agus ùrnuigh, chum’s nach tuit sibh am buaireadh. Tha faire agus urnuigh feumail, araon ga’r gleidheadh o bhuaireadh; agus g’ar cumail o thuiteam, ’nuair a thig am buaireadh n’ar caraibh. An dream a tha re faire gun urnuigh, tha iad fein-earbsach, agus a’ deanamh tàir air coghnadh Chriosd; agus an dream a tha re urnuigh gu’n fhaire, tha iad easumhal do Chriosd, cealgach, leasg agus neo-churamach. ’S eigin do dheagh Shaighdearan an lamha agus an cossan a ghnàthachadh ann an là cath. Amhuil so, tha gnàth-fhaire agus ùrnuigh feumail le cheile dhuinn, an duthaich ar naimhde, agus an tìr a bhuaireidh. ’S ann leo le cheile a fhuair na Naoimh o shean buaidh; agus ’nuair a leig iad a h-aon do na dleasdanais so air dearmad, thuit iad air ball gu nàrach ann an eabar a pheacaidh. [TD 333] Ach maille re so, chum buaigh fhaghail, ’s eigin dhuinn uile armachd Dhe, a ghabhail gu taingeil, a chuir umainn gu seolta, agus a ghnàthachadh mar fhior-laoich. Tha sgeul againn air an armachd so, agus àithne feum glic a dheanamh dhìth Ephes. vi. 13—19. S’ aithne do Chriosd gu math, neart agus innleachd naimhde a phobuil, agus gach doigh air an d’thoir iad ionnsuidh orra; agus mar an Ceannard glic, treun, tha e ’g ullachadh air an-son, agus a’ builleachadh orra, an armachd sin, le feum iomchuidh, a choisneas buaidh. ’S mòr luach agus feum fireantachd, creidimh, agus focail De ’nar cath Spioradail. Tha fireantachd g’ar sgeudachadh, agus g’ar dìon o agairt an lagha, agus o dhiteadh ar coguisean; tha creidimh a’ tarruing o Chriosd gràs agus coghnadh, chum ar n’anama a bheathachadh; agus tha focal De, mar chloidheamh geur, a’ cur teicheadh air ar naimhde; agus a’ sdiùradh ar n’ aigneidh agus ar smuaintidh asuas chum Neamh, o’m bheil ar misneach a’ teachd. Gach neach, gach pobull, aig nach ’eil an armachd so, tha iad nan claodhairean dibli, agus nan tràillean aimideach do’n Abhairseir. Saighdear gun [TD 334] armachd, ’s baogh laoch e ’n comhnuidh. Ach chum buaidh fhaotain, ’s eigin dhuinn ’san 3. A bhi seasmhach ’nar cath Spioradail. Mar a tha ’n sean-fhocal ag radh, cha Ghlòir a dhearbhas ach gniomh. ’S aimideach an Saighdear, a thilgeas dheth armachd, agus a leigeas anail, an teas-meadhoin a chath. ’S iad an dream, arsa Criosd fein, a bhuanaicheas gus a chrìch, a bheir buaidh, agus a theid a thearnadh. Bithibh, arsa Pol, seasmhach neo-chorrach, a’ sìr-mheudachadh an obair an Tighearna; air dhuibh fios a bhi agaibh, nach bith bhur saothair diomhain anns an Tighearna. Cha’n ann le aon aoirrip, no le aon tulgadh treun, ach le gnàth-shaothair, a bheir an Criosduigh buaidh air a naimhde, agus a theid e a steach do Neamh. Bithibh fìrinneach, arsa Eoin, gu bàs, agus gheibh sibh crùn na beatha. ’S eigin do chreidmheach a bhi seasmhach ann an gnàthachadh meadhon- [TD 335] na nan gràs, ann an giulan ann an triobloididh, ann an cur an gniomh an dleasdanais gu leir, agus ann an cogadh an aghaidh an naimhde Spioradail, gus am fuigh iad leis a bhàs, làn-bhuaidh orra, agus làn-sheilbh air sonas Neamh. Do’n dream mar so a bhuadhaicheas, tha Criosd a’ gealtuin san II. Gu’n suidh iad maille ris, air a Righ-chaithir. ’S glòirmhor an duais, a tha ’n so air a’ gealtuin air son aon seirbhis, is urrain a phobul, le choghnadh fein, a thoirt do Chriosd. Tha suidhe, maille ris air a Righ-chaithir, a’ cur an ceill, ni ’mhàin gun d’theid a chairdean àrdachadh gu mòr-onoir; ach, mar an ceudna, gu’m meal iad fior-shòlas, agus làn-shonas. Thuilleadh air so, tha suidhe a’ ciallachadh, nach bith an staid muighteach, mealltach, ach gum bi an onoir, an sìth, an sonas do ghnàth a’ meudachadh, agus gu’m mair iad eadhon gu siorruigh. O na chaidh an duine a dhealbh, chum cairdeas De agus glòir a mhealtuin, tha mòr [TD 336] [Taobh-duilleig 364 san leabhar fhèin] dheigh aig a shliochd air sòlas agus onoir, eadhon ’nan staid thruaillidh air an àm. Ach mo thruaighe! ’S iad onoir agus sòlas talmhaidh amhàin a tha iad ag iarruidh; agus chum am faotain, ’s mòr an t-saoghair a tha iad a’ gabhail, agus ’s iomadh meadhon, a tha iad a’ gnàthachadh, agus eadhon air uairibh gu mi-laghail. Tha ’n obair gu minic goirt, agus an duais dibli mealltach. Tha cairdean Righridh agus dhaoine mòra, a tha rè ùine, a’ feitheamh orra, agus a’ suidhe maille riu, air am meas mòr agus sona; agus tha iad gu minic an lorg so, làn do uabhar agus do mhòr-chùis. Cia do-thuigsin sonas cairdean Chriosd a mheallas a ghnùis, agus a bhitheas maille ris gu siorruigh, agus ni h-ann car tamuil, ann an lathaireachd Athar Neamhaidh. An ni a thuirt Bàn-righ Sheba mu Sheirbhisich Sholamh 2 Chron. ix. 7.; seudaidh sinne, agus moran tuilleadh a radh mu phobull Chriosd, “Sona do dhaoine, agus sona ata do sheirbhisich, a tha ghnàth a’ seasamh a’d’ làthair, agus ag eisdeach re’d’ ghliocas.” (Cha suidh) creidmhich, gun amharus, maille re Criosd, mar fhianais- [TD 337] ean, cosmhuil ris na h-Abstoil fein; ach suidhidh iad mar chàirdean, chum bhi air an deanamh nan luchd co-pàirt d’a onoir, d’a shonas, agus d’a shìth. Ma tha mhiann oirbh, a bhi mòr agus sona gu siorruigh, fògraibh as bhur cridhachan uabhar feargach, sanntach, ciurail an t-saoghail so, agus iarruibh fior-onoir o Chriosd. Ach fiosraichimid anis san III. Ciod an dearbhadh a th’againn, gu’n suidh laoich chairdeil Chriosd maille ris, air a Righ-chaithir. Agus mu bheir sinn fainear, na tha fillte, am briathraibh Eoin, chi sinn gu bheil againn gach dearbhadh a’s urrain sinn iarruidh ’sa chùis. Air 1. Tha Criosd ag ainmeach, O Neamh na thachair dha fein, mar dhearbhadh gu’m fuigh a phobul onoir agus sìth fa dheoigh. Ged’ a tha ar naimhde lionmhor, cumhachdach agus cealgach; gidheadh thug esan buaidh orra. Mar a tha Pol ag radh, chuir e as an armachd uachdaranachda agus cumhachda, rinn e ball sampuil diu gu follaisach, a’ toirt buaidh chaithrim orra. Le bhàs [TD 338] dhiol e cionta a phobuil, thug e ’n gath as an namhaid deireannach so; agus le ais-eiridh ghlòirmhor, thug e làn-bhuaidh, araon air a bhàs, agus air an uaigh. Bhuaidhaich ar Slànuigheur, ni ’mhàin air a shon fein, ach mar an ceudna air son a chairdean. Agus mar a bhuadhaich e, fhuair e ’n duais, a chaidh a ghealtain; co luath sa chaidh e suas do Neamh, shuidh e aig deis làimh Dhe, anns na h-ionadaibh àrda. Se so sgeul, focal na fìrinn, agus tha sinn aimideach, aingidh, mar creid sinn e. ’San 2. Tha Criosd a’ gealtuin, gu’n suidh creidmhich maille ris. Chum misneach agus sòlas a thoirt da’n anamaibh, tha Criosd a’ gealtuin, do bhrì gu bheil mise beo, bithidh sibh-se beo mar an ceudna. A-ris, ann an tigh m’ Athar-sa, ’tha iomadh àite-comhnuidh, mar biodh e mar sin dh’innsin-se dhuibh; ’tha mi dol dh’ulluchadh àite dhuibh; agus ma theid mi, agus gu’n ulluch mi àite dhuibh, thig mi ris, agus gabhaidh mi sibh am’ ionnsuidh fein, chum far am bheil mise, gu’m bi sibhse mar an [TD 339] ceudna. Agus ’nar steidh-teagaisg, tha Criosd a’ labhairt mu dhuais fein, mar ni a fhuair e a cheana, gu h-àraidh mar cheann a phobuil. Tha againn ann an so iomadh gealladh, agus an coimhlionadh, mar dhearbhadh gu’m fuigh sinn uile duais, ma bheir sinn buaidh, le coghnadh agus le Spiorad Chriosd. Mar creid sinn geallannna an Athair agus a Mhic, tha sinn a’ deanamh breugaire do Dhia, tha sinn a’ toirt an tamailt as mugha do Chriosd. Ma tha sinn a’ creidsin fianais dhaoine, tha fianais De na’s mugha; uime sin, ’scòir dhuinn onoir a thoirt dha, le gheallanna priseil a chreidsin. ’San 3. Tha cuir ’nuas an Spioraid, a’ dearbhadh so. Tha Criosd mar so a’ labhairt ann an Soisgeul Eoin, ’s feumail dhuibh, gu’n d’theid mi air falbh chum m’ Athar; oir mar falbh mi, cha d’thig an coimhfhurtair d’ar n’ ionnsuidh; ach ma dh’fhalbhas mise cuiridh mi e d’ar n’ ionnsuidh; Choimhlion Criosd an gealla so, aig feisd na Cuingis, deich is da fhichid la, ’n deigh dha dol suas, chum [TD 340] Neamh. Agus dhearbh na h-Abstoil, gu’n d’fhuair iad an Spiorad, le iomadh Ca’nain air ball a labhairt, le iomadh miorbhuile oibreachadh, agus le mòr thoradh do naomhachd a ghiulan, chum cliu agus glòir Dhe. An Spiorad so a chuir e ’nuas, tha e ghnàth maille re phobul, tha e a gnàth ag oibreachadh annta. ’S esan, anns gach àll, a thug misneach agus sòlas do fhior-chreidmhich, is a neartaich iad chum buadhachadh sa chath, agus a rinn iad iomchuidh, chum suidhe maille re Criosd, air a righ-chaithir. A-ris, tha Soirbheas an t-soisgeil anns gach àll, agus an dochas beothail anns an d’fhuair iomadh mile Criosduigh bàs, gu riachdail a’ cur an ceill, gu’m fuigh cairdean Chriosd a chuid eile d’an duais fa dheoigh, a reir a gheallaidh. O nas esan an Ceann, agus a phobul a bhuill, ghabh se seilbh air glòir dhoibh-san, co mhath’s dha fein. O na nithe so gu leir, tha e soilleir, gun suidh maille re Criosd ann an glòir, gach neach a tha gu treun a’ cogadh fuidh bhrataich deadh chomhrag a chreidimh, gach neach a tha toirt gràdh ionraic, agus umhlachd sheasmhach [TD 341] dha. Cia glòirmhor duais agus dochas a chreidmhich; cia aimideach an dream, a tha nan tràillean dibli do’n Abhairseir. Cogamaid uile anis gu treun, chum’s gu’m feud sinn, aig uair a bhàis a radh, maille re Pol, gach h-aon fa leith, chog mi deagh chomhrag, chriochnaich mi mo chùrsa, ghleidh mi an creidimh. ’N lorg so tha air a thasgaidh fam’ chomhair crùn na fìreantachd, a bheir an Tighearna, am breitheamh firinneach, dhomh anns an là sin; agus ni h-ann dhomhsa amhàin, ach dhoibh-san uile mar an ceudna, leis an toil a theachd-sa. FOGHNADH. Mar so nochd mi dhuibh, ciod a th’aig pobul Chriosd ra dheanamh air talamh, agus ciod an duais, a tha esan a’ gealtain, a bhuilleachadh orra. C’ àit am fuigh sibh maighistir co mhath, co treun, co chairdeil? Co nach cogadh gu duineil fuidh sdiùradh, o na tha e a’ toirt làn-dearbhadh dhoibh, gu’m fuigh iad mar dhuais am buaidh, crùn na beatha; agus maille re so, oighreachd neo-thruaillidh, [TD 342] neo-shalach, agus nach searg gu bràth as. Ciod is urrain an Diabhol, an saoghal, no an fheoil a bhuilleachadh, no a thairgse, a tha co phriseil, no co mhairreannach? ’S cuidthromach an ni a tha Criosd fein a’ feoraich, agus ’s fhiach a cheist gu math ar n’ aire. Creud an tairbh ata ann do dhuine, ged a chosnadh è an saoghal uile, agus anam fein a chall? Tha peacairean, mar dhaoine gun chiall, a’ call araon an cuirp agus an anama. Ach tha seirbhisich Shàtain, ni ’mhàin nan Amadain, ach mar an ceudna nan claodhairean diblidh. Tha iad a’ leigeadh le’n nàmhaid an riaghladh, agus an sdiùradh do reir a thoil, agus an iomain, o pheacadh gu peacadh. Tha ’n staid tràillidh, agus gun duais air an àm, agus gheibh iad fa dheoigh truaighe shiorruigh. Tha ’n nàmhaid so, air an àm, a’ deanamh miodal re peacairean, chum am mealladh; agus le so tha e ga’n ulluchadh gu bhi na’m buill-fanoid, agus nan aobhar gràin do Dheamhain, agus do dhaoine aingidh gu siorruigh. Na creidibh am breugaire, nach do choimhlion gealla riamh. Na sgriosaibh [TD 343] na n-anama a dhealbh Dia; na caillibh an duais a choisin Criosd. As toil le daoine glice do ghnath, deagh mhaighistir, agus duais air son an saothair. Se Criosd, am maighistir math, a bheir duais do gach neach, agus gu h-àraidh da shaighdeara treun, a reir an giulain, agus a reir am buaigh. ’Nuair is e miann an Abhairseir, bhur tilgeadh sios gu iochdar Ifrinn, ’se a rùn-sa bhur n’ àrdachadh chum làithaireachd agus glòir Dhe. Fhad ’sa tha là nan gràs agaibh, coguibh, mar chairdean dilis Iosa, deagh chomhrag a chreidimh, agus gabhaibh greim do’n bheatha mhairreanaich. Na caillibh bhur misneach air àm no ann an staid, sam bith; oir ged a tha bhur naimhde lionmhor, ’s neartmhoire esan ata leibh, no iadsan uile ata ’nar n’ aghaidh. G’ar taiceadh fein, le làn earbsa, re Ceannard bhur slàinte, gluaisibh trìd fàsach an t-saoghail so; bithibh dilis, bithibh treun, agus suidhidh sibh fa dheoigh, maille re Criosd, air a Righ-chaithir. ’S iomadh Laoch trèun a dh’fhuiling buaireadh agus [TD 344] cràdh air talamh, a tha ’n diu muncuairt do’n chaithir-Rioghail ann an Neamh, a’ seinn le gairdeachas cliu an Uain. Cuimhnichibh do ghnàth briathra Phoil, agus thugadh iad misneach d’ar n’ anamaibh. Eabh. xii. 1—4. Uime sin, &c. Amen. [TD 345] SEARMOIN XVII. EPHES. v. 6. Na mealladh neach air bith sibh le briathraibh diomhaineach, &c. O’N treas rann do’n chaibideil so, tha ’n t-Abstol a’ cur an ceill ciod iad na peacaidhean sin, air son am bheil fearg Dhe a’ teachd air cloinn na h-easumhlachd. Ach chum nach saoil daoine, gu bheil fearg Dhe amhàin a’ dusgadh ann an aghaidh na’m peacaidhean sin, tha e air innseadh ann an iomadh earran d’a fhocal, gu bheil teine Ifrinn air ulluchadh air son an t-seirbhisich leisg mhi-tharbhach, co mhath a’s aingidh, air son an ti a tha [TD 346] caitheadh a’ bheatha gu faoin, co mhath ’san Ti a tha deanamh so an ruidhteireachd agus am meisg, no ann an seomradaireachd agus am macnus; air son an ti ata diadhaigh, co mhath is esan ata na namhaid dith. Tha ’n t-Abstol, ma seadh, ni ’mhàin ’nar steidh-teagaisg, a’ toirmeasg oibre an dorchadais, ach mar an ceudna ’san 9. rann a’ cur an cuimhne dhuinn toradh an Spioraid, is còir a bhi againn, eadhon maitheas, agus ionracas agus fìrinn. Agus tha e deanamh so a theagasg dhuinn, gu bheil e feumail g’ar dìon o’n fheirg ata re teachd, ni ’mhàin gu’n sguir sinn do’n olc, ach gu’n dean sinn am math; ni ’mhàin nach gluais sinn mar chloinn an dorchadais, ach gun gluais sinn mar chloinn an t-soluis. Tha Spiorad De an iomadh earran d’a fhocal a’ teagasg an ni ceudna. Mar so tha sinn a’ foghlum gu’r eigin dhuinn ni ’mhàin gun ar talanna a chaitheadh air ar n’ ain-mianna, mar chlann struithail, ach gur eigin mar sheirbhisich dhileis feum cubhaidh a dheanamh dhiu; gur eigin ni ’mhàin gu’n an saoghal a ghràdhachadh, ach gur eigin do ghràdh an Athar comhnuidh a ghabhail annain; gur eigin ni ’mhàin gach uile mhi- [TD 347] dhiadhachd agus ain-mianna saoghalta aicheadh ach gur eigin ar beatha a chaitheadh gu measarra, gu cothromach agus gu diadhaidh. Gach ni ata teachd an deigh làimh air so, tha e buailteach do fheirg Dhe. Tha gun amharus mugha tomhais do’n fheirg so, ach tha ’n tomhas as lugha araon siorruidh agus do-ghiulan. Ann an labhairt ni’s fhaide o na briathra so, ’se mo rùn le coghnadh Dhe, a nochdadh air I. Gu bheil am peacadh na cheilg ro-mhòr. II. Gu bheil daoine toileach a bhi air am mealladh leis. ’San III. Gu bheil mòran bissidh, durachdach, gar mealladh chum a pheacaidh. 1. Tha mi gu nochdadh gu bheil am peacadh na cheilg ro-mhòr. Mar dearbhadh air an fhìrinn so feudaidh sinn a thoirt fainear air [TD 348] 1. Gu bheil daoine air am brosnachadh chum a pheacaidh, ni h-ann le’n reusan, ach le’n ain-mianna. Mar so tha ’n t-Abstol Seumas a’ labhairt, tha gach duine air a bhuaireadh, ’nuair a thairngear, agus a bhreugar e le ain-mhiann fein. Tha ’n fhìrinn so soilleir do-aicheadh. Tha mòran re saothair chum an leith-sgeul a ghabhail, ’nuair a tha iad a’ cur peacadh sam bith an gniomh, ach cha n’urrainn neach sam bith a radh, gu’n d’rinn e so le comhairle a reusain. Aidichidh, eadhon, peacairean an fhìrinn so. Nach ’eil iad, car ùine, a’ gabhail mòr-shaothair, chum an coguisean a mhùchadh agus a chuir nan tosd? Nach ’eil iad a’ gabhail pàirt maille re’n an-tograidh an aghaidh an tuigse; no mar urrain ni’s fhearr a dheanamh, nach ’eil iad, maille re Felics, a’ cur dàil ann an aithreachas? Nach ’eil iad a’ seachnadh iad fein a cheasnachadh le cùram, agus sealladh cùil a ghabhail da’n giulan? Anns na nithe so uile, tha iad air an sdiùradh le’n ain-mianna; gidheadh ann an là triobloid agus aig uair a bhàis, tha iad a’ dìteadh a pheacaidh mar ni nàrach mi-reusanta. [TD 349] Agus cionnas is urrain a chùis a bhi air doigh eile? An urrain neach sam bith na thuigse a radh, gu bheil am peacadh na’s taitniche no naomhachd, breugan no fìrinn, eacoir no ceartas, misg no measarrachd? Co is urrain a radh, gu’m bitheadh e ni’s mò chum glòir Dhe, agus leas an t-saoghail, gu’m bitheadh an cinne-daonna ’nan luchd ea-coir, murta, bhreugan, misg agus neo-ghloinne, no gu’m bitheadh iad cothromach, seirceil, measarra agus geanmnuidh. Feudaidh daoine na peacaidhean sin a chur an gniomh, ach ’s gann aireamh an dream, aig am bheil do dhànadas am molladh, agus a radh gur fhearr iad no na subhailcean, a tha Dia ’g earrail orra? Air an làimh eile, co riamh a ghabh aithreachas, do bhrigh gu’n robh e subhailceach, diadhaidh? no co riamh a ghabh nàire d’a ghniomhara math, ’nuair a thainig iad gu h-obann chum an t-soluis? Do reir so tha ar Slànuighear fein ag radh, Eoin iii. 19, 20, 21. Tha so gu soilleir a’ dearbhadh gu bheil am peacadh na ni cealgach. Ach chum so a [TD 350] dheanamh ni’s soilleireadh, feudaidh sinn a thoirt fainear ’san 2. Ge be ciod a tha ’m peacadh a’ gealtuin, nach ’eil math seasmhach re fhaghail uaithe. Mar dhearbhadh air so tha e soilleir, nach ’eil am peacadh a’ gealtuin ni sam bith siorruidh, no ann an saoghal eile. Cha do shaoil duine riamh gu’m b’urrain e Dia a thoilleachadh, le bhi talmhaidh, collaidh, diabhlaidh. Cha n’ urrain duine sam bith neo-bhàsmhorachd a ghealtain dha fein le ain-mianna a shàsachadh; ’se an dochas is àirde is urrain a bhi aige nach bi saoghal eile ann. Tha ’m peacadh amhàin a’ gealtuin nithe maith na beatha so, agus cia folamh, cia teagmhach, cia truailllidh iad! Mar a tha Solamh ag radh, àta na h-uile nithe làn do shaothair, cha n’urrain an duine a chur an ceill; cha’n ’eil an t-sùil toillichte le faicin, no a chluas le clunntin. Agus ma tha ni sam bith an so, tha còir an duine mhath, air a chuid a’s lugha ceart co [TD 351] mhath re còir a pheacair, air nithe maith na beatha so. Agus a thuilleadh air sin, ’s urrain e an sealbhachadh gu’n agairt a choguis, agus sealla cùil a ghabhail d’a shòlas gun eagal. Tha so cuideachd a’ meudachadh a shòlais, gur urrain e beachdachadh air nithe maith na beatha so, mar thiodhlacaidh Dhe, mar theisteas air a chairdeas, agus mar roimh-bhlassadh air sonas Neamh. Tha feum glic d’ar tiodhlacaidh talmhaidh a’ ginnmhuin sìth an taobh a stigh dhinn a’ cosnadh meas dhuinn; ’nuair a tha struithealachd a’ dusgadh ar coguisean, a’ caitheadh ar maoin agus a’ sgrios ar cliu. A-ris tha ’m peacadh a’ deanamh ar staid làn do mhi riaghailt, agus ar beatha làn do thrioblaid. ’S ainmic a tha daoine math a’ bàsachadh na’n ionracas. Cha n’ ann o naomhachad ach o’n pheacadh, a tha nithe cràiteach na beatha so a’ sruthadh? Ciod a tha caitheadh ar maoin, a’ brisseadh ar sìth, a’ sgrios ar deagh ainm agus ar slàinte, agus a’ dusgadh mi-riaghailt ’san t-saoghal? ’Sè ’m peacadh gu soilleir a tha a’ deanamh so. Tha ’m peacadh ma seadh gu cinnteach na ni [TD 352] cealgach, o na tha e a’ toirt uainn dochas re Neamh, agus an àite sòlas o, thoirt air talamh, a’ deanamh ar beatha searbh, trioblaideach, brònach. Anns an 3. Tha ’m peacadh a’ tarruing anuas corruich Dhe oirn. Tha so gu minic agus gu soilleir air a theagasg am focal De. ’S eigin dhuinn uile, ars’ Pol, bhi air ar nochdadh ann an làthair caithir-bhreitheanais Chriosd; chum’s gu’m fuigh gach neach na nithe a rinn e sa choluinn, do reir an ni do rinn e, ma’s math no olc e. Ann an sin mar a tha Criosd fein ag radh imichidh na daoine aingidh chum peanais shiorruidh. Agus tha Pol ag innseadh, gu bheil fearg Dhe air a foillseachadh o Neamh an aghaidh gach uile-mhi-dhiadhachd agus ea-còir dhaoine. Agus a-ris tha e ’g radh, dhoibhsan ata conspoideach, agus nach ’eil umhal do’n fhirinn, ach ata umhal do’n ea-coir, bheir Dia diom agus fearg; trioblaid agus amhghar air gach anam duine ata deanamh uilc. [TD 353] Agus na saoilibh gu bheil e na ni mi-ghnàthaichte gu’n d’thugadh Dia na naomhachd fuath do’n pheacadh? gun d’thugadh an ti sin is e gràdh fuath do choimhstri: gu’n d’thugadh Spiorad glan fuath do ain-mianna brùideil; gu’n d’thugadh an ti ata iomlan a’m maitheas fuath do fhein-speis agus sannt. Is ni deirbhte e, gu bheil am peacadh na chuspair air corruich Dhe, agus gu’n glac peanas gu grad an t-aingidh. Gach neach a bheir so fainear ’s eigin dhoibh aideachadh, gu bheil am peacadh na ni cealgach, oir ciod is urrain e a ghealtuin an coimeas re sonas Neamh a chailleas sinn leis, re corruich Dhe, re truaighe shiorruidh is eigin dhuinn fhulang air a shon. Tha so a’ cur an cuimhne dhomh a nochdadh ’san II. Gu bheil daoine toileach a bhi air am mealladh leis a pheacadh. Tha ’n fhirinn so soilleir agus do-aicheadh. Mar dhearbhadh air so, chi sinn daoine gu h-an-dana a’ saoilsin gu’m fuigh iad maitheanas, ged a tha iad a’ dol air an aghaidh ann an slighe a’ pheacaidh, an aghaidh àitheanta a- [TD 354] gus bagraidh Dhe? Cia uaithe a tha e sruthadh gu bheil iad a’ deanamh an ni a tha iad a’ diteadh? Gu bheil iad a’ tuiteam a-ris ’s na peacaidhean, d’an do ghabh iad aithreachas, agus a chuir iad rompa a bhi faicilleach ’nan aghaidh? Gu bheil iad a’ leigeil leo fein a bhi air am mealladh a-ris leis na h-innleachda, agus tuitim leis a bhuaireadh cheudna? Gu bheil iad eadhon a ruidh chum peacaidh agus truaighe, mar a ruidheas an teach chum a chatha, ged a tha iad a’ faicin lochda agus bàs na’n slighe? Ciod is reusan do na nithe sin uile, ach eadhon so? Ged a tha ar reusan agus ar diadhachd a’ teagasg dhuinn aon ni, tha ar togra g’ar n’ aomadh agus g’ar brosnachadh chum ni eile, agus tha sinn air ar mealladh do bhrì gur miann leinn so. Mar bitheadh a chùis mar so, ciod an reusan math is urrain sinn a thoirt, gu bheil am peacadh co lionmhor, ’nuair a tha sinn a’ toirt fainear na’n nithe a tha g’ar brosnachadh chum naomhachd, agus chum a pheacaidh. Tha air an aon làimh cairdeas De, air an làimh eile cairdeas dhaoine aingidh; air an aon làimh math siorruidh, air an làimh eile, sòlas dìbli, bàsmhor; air an aon làimh làn-dear- [TD 355] bhadh an Spioraid, agus a’ chumhachd, air an làimh eile briathra faoin; air an aon làimh Maois agus na fàidhean, Criosd agus Abstoil, air an làimh eile luchd-fanoid, ata ’g imeachd reir an ain-mhiann fein. Anis o na tha ’n t-olc na’s coitchionn na naomhachd, tha togradh dhaoine chum an uilc gu cinnteach mòr. Bha treud Chriosd beag, agus bu tearc iad a bha ’g amas air slighe na beatha, eadhon ’nuair a bha e fein a’ searmonachadh, agus ag oibreachadh miorbhuile chum fhìrinn a dhearbhadh. Tha so ga’m thoirt air m’ aghaidh ’san III. Gu bheil mòran ullamh, agus a’ toirt aoirrip am bràithre a mhealladh. O thoiseach an t-saoghail gu ruig an là ’n diu, bha aig an Abhairseir do ghnàth pailteas do sheirbhisich dhilis. ’S lionmhor aireamh an dream fin anns gach àll a chaith mòran d’an ùine agus d’an cumhachd, d’an gliocas agus da’n stòras, ann an deanamh dhaoine eile ceart co olc riu fein. Tha Pol ag radh mu na laithibh deireannach, agus fàsaidh droch dhaoine agus mealtoirean ni’s miosa, [TD 356] agus ni’s miosa, a’ mealladh, agus air am mealladh. Tha iomadh ni a’ buaireadh dhaoine aingidh chum iad fein mar so a ghiulan; tha ’n t-Abhairseir, a tha ’g oibreachadh annta gu treun; tha rùn an coguisean a chuir nan tosd, agus an làmh a dheanamh làidir le pailteas do chuideachd. Agus tha ’n rùn so ga’m brosnachadh chum iomadh meadhon a ghnàthachadh a bhuaireadh am braithre. Tha iad a’ buaireadh cuid le’n comhairle, cuid le’n eisiomplair, cuid le’m fanoid. Anns gach àite tha pailteas a tha ullamh chum am bràithre a mhealladh tha ’n dùrachd agus an eud mòr, ged a tha ’n obair dibli, an duais beag, am maighistir fallsail agus cruaidh. ’Nuair a tha peacairean mar so g’ar buaireadh, do reir comhairle Sholamh na aontaichibh leo. Cuimhnichibh gur naimhdeas an aghaidh Dhe cairdeas an t-saoghail so. Cuimhnichibh gu bheil Criosd fein ag radh, ge b’e neach a ghabhas nàire dhiomsa, agus do’m bhriathraibh anns a ghinealach adhaltranach agus olcsa, dhethse gabhaidh mac an duine nàire, ’nuair a thig se ann an glòir Athar, maille ris na h-Ainglibh naomha. [TD 357] Anis ma tha ’m peacadh cealgach, ma tha sibh do thaobh natuir toilleach a bhi air bhur mealladh leis, agus ma tha moran a’ toirt aoirrip bhur mealladh, tha e feumail dhuibh gu soilleir a bhi gu h-àraidh faicilleach. ’S luachmhor na h-anama a tha air an taiceadh ruibh, agus o na tha ’m peacadh ga’n leònadh gu goirt, agus a’ bagairt an sgrios, ’s còir dhuibh a sheachnadh mar an nàmhaid is mugha. O na tha bhur cridhachan fein gu h-àraidh cealgach agus aingidh, bithibh faicilleach ’nan aghaidh, cumaibh bhur tograidh fuidh smachd, na geillibh dhoibh na bithibh air bhur sdiuradh leo. O na tha daoine aingidh gach là g’ar buaireadh, na eisdibh riu, na imichibh na’n slighe, na duisgeadh an naimhdeas bhur n’eagal, na leigibh le’m fanoid bhur tarruing chum an uilc. An àite geill a thoirt d’ar cridhachan fein, na do dhaoine aingidh, thugaibh geill d’ar Slànuighear beannaichte, iarraibh a chairdeas, agus gluaisibh na fhocair. Ma dhlùth-leanas sibh risan, gheibh sibh solus agus neart gheibh dionadh o gach nàmhaid, cobhair an àm gach teinn, agus buaidh air gach buaireadh. Cuimhnichibh gu bheil bàs agus breitheanas [TD 358] romhaibh, deanaibh faire an aghaidh bhur naimhde, seasaibh gu daingean sa chreidimh, bithibh duineil, bithibh laidir. Agus gu’n deonaiche Dia gu’n cuir sibh le soirbheas cath na creidimh, agus gu’n gabh sibh greim do’n bheatha mhairreanaich. Amen. [TD 359] SEARMOIN XVIII. II. THESS. ii. 3. Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor. MAR dhaoine agus mar Chriosduighean, ’s cubhuidh dhuinn gu minic smuainteachadh air ar staid, ar peacaidhean aidmheil, agus maitheanas iarruidh trid an t-slànuighear-fhear. Le òrdugh Seanadh na cearnadh so do’n rioghachd, tha sinn an diu a’ cruinneachadh an ceann a cheile, chum ar cionta a chaoidh, agus earrail oirbh o bhreitheanais De, teicheadh o’n fheirg ata re teachd. ’S ni soilleir e do gach neach gu bheil gach seorsa do pheacaidh lionmhor ’nar measg, ’s ni cinnteach e mar an ceudna, gu bheil iad gràineil am beachd Dhe, agus gu bheil e bag- [TD 360] airt peanas a dheanamh oirn. Leis gach cogagh, a tha ’g eiridh ’suas nar n’aghaidh, agus leis gach calldach a thainig air beartas, saibhreas, agus mar-sainteachd ar duthcha’, tha Dia na fhreasdal ag innseadh le guth àrd, gu bheil e gu’n amharus ann an corruich ruinn. Tha Dia gu h-àraidh a’ cur so an ceill, le ni a rinn Parlamaid Bhreatan air a bhliadhna so fein, eadhon an dorus a dhruid ar sinnsir le cùram, fhosgladh aris ann an Sassan do na Papanaich, naimhde guineach agus nimhneach ar leas talmhaidh agus Spioradail. Ciod a bhrosnaich a Pharlamaid chum so a dheanamh, tha e gun amharus duilich innseadh ach ’sni cinteach nach robh iad air an sdiuradh le gràdh do anamaibh dhaoine. Gun chomas o Dhia, cha n’urrain daoine ni sam bith a dheanamh, agus tha e coslach gu’n d’thug e comas, an dorus fhosgladh do na Papanaich, mar pheanas air an rioghachd sin air son am peacaidhean. Agus o na tha sinne ciontach maille riu, mar pheanas oirn air son ar mi’-thaincealachd do Dhia, tha a Pharlamaid a’ bagairt an dorus ceudna fhosgladh, air a gheamhradh so, ann an Albain. Ged nach [TD 361] do thachair so fhathasd, agus ged a tha dochas againn ann an Dia, nach tachair e, gidheadh tha na Papanaich a cheana air fàs dàna, tha iad a’ cruinneachadh gu follaisach, tha iad a toirt aoirrip, reir an cleachda, an dream ata ain-eolach a mhealladh, agus a rib. Fhuair iad a cheana, tha mi cluinntin, a h-aon no dithis do’n choimhthional so, agus tha dùil aca gu’m fuigh iad tuilleadh, o na tha cuid do na Gaidheil gun sgoil gu’n leughadh agus air bheag eolais air nithe Spioradail. Mar bhuachaile an treud, tha e ceangailte ormsa, rabhadh a thoirt dhuibh air bhur cunnart, agus gach ni dligheach a’s urrain mi a dheanamh, g’ar dìona o mhadraidh allta. Reir òrdugh na Seanadh ma seadh ’se mo rùn air an àm le coghnadh Dhe, beachd soilleir a thoirt dhuibh do theagasg fàllsail, do ghiulan buirbeil fuileacach nam Papanach, agus earrail oirbh a bhi faicilleach na’n aghaidh seasmhach ’nar creidimh, agus diadhaidh ’nar caithe’-beatha. Air I. Tha mi gu beachd a thoirt da’n teagasg fallsail. [TD 362] Gach ni a tha mi gu chur a’s an leith air an àm, tha iad air an toirt gu firinneach o’n leabhraichean fein, le dream a ransuich iad le cùram, oir cha n’e ar rùn sgeul fallsail a thogail orra. Ach ’s eigin dhomh aon ni a thoirt fainear dhuibh, agus ’se so e, gach earran d’an teagasg, a tha mi-thaitneach ann an duthaich, sam bith, tha iad air ball ag aicheadh gu bheil iad, a’ teagasg an ni sin, ged a tha gu follaisach na’n duthchaibh fein. Air an àm ’s eigin dhuibh an teagasg a ghabhail air m’ fhocal-sa, agus tha mi an duìl gun dean sibh so le dearbh-bheachd, nach e mo rùn bhur mealladh le breugan anns an àite so. Maille re mòran do nithe aimideach, aingidh eile tha na Papanaich, gu h-àraidh a’ teagasg na’n nithe a leanas. Air 1. Tha iad a’ teagasg nach ’eil e ceaduichte do’n phobull focal De a leughadh. ’Se soisgeul na sìth an dilib, a dh’fhàg Criosd aig a phobul, mar an solus agus an sòlas air talamh, gidheadh tha na Papanaich a’ diultadh so do gach neach, ach an Sagairt fein. C’arson a tha iad a’ deanamh so? Tha [TD 363] iad fein ag radh, gu bheil pobull (aimideach) ain-eolach an cunnart dol am mearrachd air toil De, le fhocal a leughadh. Ach si ’n fhirin, gur e ’n rùn am pobull a ghleidheadh an dorchadas, chum’s gun creid ’s iad iadsan, agus gu’m bi iad umhal dhoibh anns gach ni. Ach ciod a tha Criosd ag radh mu’n ni so? Am bheil ag àithne da luchd-leanmhuinn gu’n fhocal De a leughadh. An àite so, tha e ’g radh Eoin v. 39. rannsuichibh na scriobtuire. Agus ann an leabhar Gnio. xvii. 11. tha muinntir Bherea air am molladh, do bhrì gu’n do rannsuich iad focal De. Nach do thaisbean Criosd toil De, nach d’òrduich a scriobhadh, chum’s gum bitheadh e air a leughadh le phobull anns gach àll. Nach do scriobh Pol agus na h-Abstoil eile an Litrichean chum Eaglaisean iomlan, an sluagh co mhath is na ministirean, agus nach d’òrduich e dhoibh an leughadh. Ma ’s ann mar so a tha a chuis, tha giulan Eaglais na Roimh, ann an diultadh comas am piobull a leughadh, araon aimideach agus aingidh. 2. Tha e a’ teagasg gur còir an ùrnuighean follaisach a dheanamh ann Laidin. [TD 364] Tha ’n cleachda, tha ’n t-òrdugh so gun amharus iongantach agus do-thuigsin. ’S oleimte an t-seirbhis ùrnuigh fhollaisach, ’s còir don phobull ann an so am ministeir a leantuin, ach cha’n’eil e an comas doibh, so a dheanamh, ma tha e deanamh ùrnuigh an Canain, nach ’eil iad a’ tuigsin. Ach am bheil òrdugh Dhe ac’ air son a chleachda so? Ann an àite so tha Pol ag radh 1 Corin. xiv. 14—20. Si so breith Phoil, agus mar dhearbhadh, gur còir ùrnuigh a dheanamh ann an Canain Naturail gach pobuill, thug ar Slànuighear cumhachd d’a Abstoil labhairt ann an iomadh Canain. Tha eachdaire, cuideachd a’ teagasg dhuinn, nach robh ùrnuigh fhollaisach air a deanamh ann an Laidin amhain, car Se-ceud bliadhna an deigh bàs Chriosd. O so tha e soilleir gu bheil an cleachda araon neo-cheudaichte agus ùr. Ach c’arson a tha e a measg na’m Papanach? Cha’n’eil e an comas dhomhsa reusan sam bith eile a thoirt air a shon, ach so ’nuair a tha ’m bàghar olc, ’stoil leis an fhear-reic do ghnàth buth dorcha’, chum a reiceadh ann. Tha iad a’ teagasg ’san [TD 365] 3. Gur còir ùrnuigh a dheanamh re Naoimh agus aingil. Tha focal De a’ teagasg dhuinn, nach ’eil ann ach aon eidir-mheadhon-fhear eidar Dia agus daoine eadhon Iosa Criosd. Cha’n’eil na Papanaich toillichte leisan, tha iadsan a’ deanamh urnuigh re eidir-mheadhon-fhearan eile, eadhon Aingil agus Naoimh. Am bheil Dia ag àithne an aoraidh so? An àite sin tha Pol ag radh na ainm Colos. ii. 18, 19. Agus tha sinn a’ leughadh Taisb. xix. 10. Gu’n do dhiult an t-Aingil le uamhas aoradh an Abstoil Eoin. Tha e mar an ceudna aimideach ùrnuigh a dheanamh re màthair ar Slànuighear, do Aingil agus do Naoimh, o nach ’eil ach Dia amhàin a lathair anns gach àite, agus comasach air urnuigh a chluinntin. Thaobh iomhaighean oir a dheanamh, agus aoradh a thoirt dhoibh, tha so gu riachdail air a dhiteadh ’san dara àithne. Ach mo thruaighe! chum iad fein a dhìonadh, agus air pobull a mhealladh, tha iad a’ duthadh na h-àithne so gu tur a’s an leabhraichean. Chum an aimideach san teagasg so a nochdadh, guidheam bhur n’aire do sgeul mu ni a thachair san [TD 366] duthaich so fein. Bha fuidh mhoir-fhear Papanach, tuathanach bochd do’n chreidimh againne, aig an robh gabhail fhearain, a bha teann air ruidh mach, agus be rùn a faotain a’s ùr. Chum na criche so labhair e re Seamarlain a Mhoir-fhear labhair re cuid da chairdean, ach cha do ghabh iad suim dheth leig iad a ghnothach air dearmad. Le mòr-eagal gu’n cailleadh e fhearan; rainig an duine bochd fa dheoigh a mhaigistir fein. Fhuair e guth dheth, chuir e an ceill a ghnothach. ’Nuair a chual e a sgeul ghabh am Moir-fhear truas ris, agus dh’òrduich a ghabhail a thoirt dha air ball. Mar Phapanach eudmhor be rùn math cuideachadh a dheanamh do anam a thuathanaich, chum na criche so, thug se a stigh e do sheamar mor, nochd se dha ’n sin iomhaigh iomadh Aingil agus Naomh. ’S bochd ars’ esan do staid-sa, tha thu gun charaid ann an Neamh ach feuch tha ’n dream sin uile a’ deanamh ùrnuigh air mo shon-sa. Fhreagair an tuathanach, cha’n’eil mòr-earbsa agam fein annta, mar fhearr iad no na Seamarlain agaibh-se; ’s tric a labhair mi riu mu’n ghabhail bheag fhearain so, ach cha d’fhuair mi riamh mo ghnothach, gus an do [TD 367] labhair mi ris a mhòir-fhear fein. Agus ceart mar so, an dream nach iarr tiodhlacaidh Spioradail o Dhia, trid an t-Slànuighear amhàin, gu bràth cha n’ fhuigh an gnothach. Tha iad a’ teagasg ’sa 4. Gu bheil sinn aig a bhòrd ag itheadh agus ag òl fior-fhuil agus feoil Chriosd. ’Se a th’ agam an so am bheachd, an ni ris an abair na Papanaich nuadh bhriodhachadh. Leis an fhocal so, tha iad a’ teagasg, gu bheil an taran agus am fion, co luath so tha iad air an coisreagradh leis an t-shagart air ball air an tionndadh chum fior-fhuil agus feoil Chriosd. Tha ’n teagasg so calg-dhireach an aghaidh teisteas ar sùl, ar làmha, ar boladh, ar blas, agus ar reusan; agus uime sin tha feum aca air dearbhadh laidir o fhocal De, g’a dheanamh cinnteach. Am bheil so aca? Tha iad fein ag radh gu bheil, eadhon briathra Chriosd, ’nuair a shuidhich e ’n t-sacramaint so, an oidhche mu’n do bhrathadh e. Thuirt ar Slànuighear gu’n amharus, se so mo chorp-sa air a bhrisseadh; ’si so m’ fhùil-sa, air a dòrtadh. Ach mar dhear- [TD 368] bhadh soilleir, gun robh an t-aran agus am fionn amhàin ’na’n comharan air a chorp agus fhuil, bha e air an àm so beo maille re dheisciobuil, bha chorp gun bhrisseadh, bha fhuil gun dòrtadh. Cionnas, ma seadh, a b’urrain iadsan fhior-fheoil itheadh, no fhuil ol, ’nuair a bha e beo agus slàn na’m measg? No cionnas, ni a tha ’n aghaidh natuir, cionnas a’s urrain an corp agus an fhuil cheudna, a bhi am mìle àite, air an itheadh, agus air an òlc le mile neach ’san àm cheudna. Tha ’n teagasg so air gach doigh mi-reusanta agus aimideach, tha e mar an ceudna aingidh, tha e buaireadh dhaoine, chum an t-aoradh sin a thoirt, agus an earbsa sin a chur san aran, agus san fhion, as còir a thoirt agus a chur ann an Criosd amhain. ’S math a labhair duine glic o Arabia mu’n ni so. Dh’imich mi, ars’ esan feadh gach duthaich air talamh, ach cha do thachair dream riamh orm co aimideach, aingidh, re seorsa do Criosduighean da’n ainm Pàpanaich, oir tha iad gu minic ag itheadh le’m fiaclaibh, an Dia da’m bheil iad a’ toirt aoraidh. Tha iad a’ teagasg ’sa [TD 369] 5. Gu bheil mòran an lorg am bàis a’ dol do àite glanaidh eidar Neamh agus Ifrionn. ’Se so ’n t-àite ris an abair iad Purgatoreachd, agus tha iad a’ teagasg, gu bheil gach neach, ’n deigh am bàis a’ dol don àite so, nach ’eil math ni’s leoir chum dol do Neamh, no olc ni’s leoir chum dol do Ifrionn. Ciod a tha focal De ag radh mu’n àite so? Tha na scriobtuire gu tur na’n tosd mu dheimhin tha ’mhàin a’ labhairt mu dha àite an saoghal eile fa chomhair dhaoine, eadhon Neamh agus Ifrionn. Ach ciod is feum do’n àite so? tha iadsan a’ teagasg, gu bheil daoine ann air an glanadh o’m peacaidhean. Ach tha so gu tur neo-fheumail, mas creidmhich iad, oir tha ’n t-Abstol Eoin a’ teagasg gu bheil fuil Chriosd ga’n glanadh o gach uile pheacadh. Agus mar creidmhich iad, co luath sa theid an deo asda, cha’n fhuigh iad aithreachas no maitheanas gu bràth. Ach cionnas a tha na Papanaich a’ toirt anama dhaoine as an àite so a dhealbh iad fein? tha le urnuighean an sagart. Agus am bheil iad a’ deanamh nan ùrnuighean so a nasgaidh? cha’n’eil air chor sam bith, ach ’s eigin do dhaoine pàigheadh [TD 370] air an son, agus pàigheadh gu daor cuideachd, mu se an rùn anama am bràithre a chur do Neamh. Choisin Sagairt na’m Papanach, anns gach àll, tuilleadh le so, no le aon teagasg a th’aca, agus air an aobhar so cha dealaich iad ris, ged a tha e calg-dhireach an aghaidh focal Dhe, agus reusan dhaoine. Maille re so tha iad a’ teagasg ’san 6. Gur urrain na Sagairt maitheanas peacaidh a thoirt do’n phobull. Tha iad air uairibh ag aicheadh so ’s na duchaibh againne, ach cha’n’eil e ’n comas doibh aicheadh, araon mar theagasg agus mar chleachda an Eaglais. Oir is ni deirbhte e o’n leabhraichean fein, gu bheil iad araon a’ toirt comas do dhaoine peacaidhean àraidh a chur an gniomh agus a’ toirt maitheanas annta, ma tha iad a’ pàigheadh gu ceart air an son. Tha eadhon prìs àraidh air a chur air gach peacadh na’m measg, gheibh duine maitheanas uapa an adhaltranas na morta air son leith-chrùn. Agus chum’s gu’m bi fios aige’ air cionta gach neach, ’s eigin do gach h-aon am peacaidhean aidmheil, agus pàigh- [TD 371] eadh do’n t-Sagart air son an aidmheil agus am maitheanas. Mar so o shannt agus chum airgiod fhaotain, tha iad a’ suidhe an cathair Dhe, tha a’ gabhail orra ni a’s urrain esan amhàin a dheanamh, maitheanas a thoirt seachad; cosmhuil re Simon an draoithe, tha iad a’ saoilsin, gu’m feud tiodhlacaibh Dhe, a bhi air an reiceadh agus air an ceannach. Tha ’n giulan so dàna aingidh. Gun tuille moille chuir oirbh fui’n cheann so, tha iad a’ teagasg ’san 7. Gu’m feud iad mionnan agus bòidean a bhrisseadh do mhuintir na creidimh againne. Tha na Pàpanaich a’ saoilsin, gur e math na h-Eaglais a chur air aghaidh, am math a’s mugha, agus ged a tha iad a’ deanamh cron chum na crìche so, gu bheil eadhon sin ceaduichte agus ceart. Mar so ma tha neach sam bith a’ cur an aghaidh an creidimh agus an aoraidh, tha iad a’ saoilsin gu bheil e feumail chum leas na h-Eaglais, agus an creidimh, an neach so a chuir gu bàs, agus gur còir so a dheanamh, ged a tha iad air an ceangal le [TD 372] mionnan agus bòidean, gun chron sam bith a dheanamh dha. Agus ma tha Papanaich fuidh riogh, nach ’eil da’n creidimh, tha iad a’ teagasg, gur còir am mionnan dha a bhrisseadh, agus ceannairc a dheanamh na aghaidh, ma gheibh le so math a dheanamh da’n Eaglais. Am bheil an teagasg iongantach, milteach so a reir toil Dia na firinn agus na trocair? Gun amharus cha’n’eil. ’Nuair a tha na Papanaich a’ teagasg, gur còir ar bòidean agus mionnan a bhrisseadh chum leas na h-Eaglais, tha Dia gu minic ag àithneadh dhuinn ar boidean agus mionnan laghail a choimhlionadh. ’Nuair a tha iadsan a’ teagasg, gu’m feud sinn cron a dheanamh chum math na h-Eaglais; tha esan a’ teagasg, nach còir cron air àm sam bith a dheanamh, chum’s gun d’thig math as. Tha ’n teagasg air gach doigh an aghaidh toil De agus leas a chinne-daonna; tha e gràineil agus milteach ’s iomadh neach ’s gach àll a chuir e gu bàs; cha’n’eil e an comas do’n Abhairseir fein ni a’s miossa a theagasg. Mar so dh’ainmich mi dhuibh cuid do na nithe a tha na Pàpanaich a’ teagasg, agus tha mi an dochas gu bheil sibh uile anis deirbhte, gu bheil an teagasg [TD 373] fàlsail, agus gu math a’ coimhfhreagradh, chum daoine a mhealladh, chum an anama a ribeadh, chum airgiod agus onoir, a chosnadh da’n Sagairt. An lorg am beachd so a thoirt dhuibh da’n teagasg, rachamaid air ar n’aghaidh san II. Gu beachd a thoirt da’n giulan buirbeil. ’Nuair a tha na Pàpanaich, gann ann an aireamh, agus fuidh smachd, mar a bha anis rè ùine anns an rioghachd so, tha iad gu minic gan giulan fein, mar choimhearsnaich agus mar dhaoine, gu ciùin, siothchail agus cairdeil. Ach g’ar sdiùradh chum breith a thoirt air an diadhachd, ’s eigin dhuinn beachd a gabhail da’n giulan thaobh an naimhde, nuair a tha ’n làmh an uachdar aca, agus comas an toil fein a dheanamh. Le’n giulan thaobh an naimhde chi sinn gu soilleir nach iad deisciobeul Chriosd. Thaobh ar naimhde, tha ar Slànuighear ag àithneadh, biodh gràdh agaibh d’ar naimhdibh, beannaichibh an droing a mhallaicheas sibh, deanaibh maith do na daoine air am beag sibh, agus dean- [TD 374] aibh ùrnuigh air son na muintir ata buntain ribh gu naimhdeil, agus ata gar geur-leanmhuin; chum gu’m bi sibh nar cloinn aig bhur n’Athair ata ar Neamh. ’Se so òrdugh Chriosd thaobh a naimhde; ach co iad naimhde na’m Papanach? ’S iad so na’m beachd fein, na protestanaich, no an Eaglais ath-nuadhaichte gu leir, no gach neach nach ’eil a’ cordadh riu-san nan creidimh agus nan aoradh. Agus cionnas a tha iad a’ buntain riu? an àit’ an gràdhachadh, tha ga’m fuadhachadh, an àit’ am beannachadh, tha ga’m mallachadh, an an àit’ ùrnuigh a dheanamh re Dia air an son; tha ga’n toirt thairis do’n Abhairseir, tha nuair a tha comas aca ga’n geur-leanmhuin, agus ga’n cur gu bàs. ’S iomadh dearbhadh a th’againn air an fhìrinn so, a’s còir oillt agus uamhas a dhusgadh ’nar n’inntin. Re ùine bha e na chleachda aig Pàp na Roimh, air là àraidh do’n bhliadhna, gach h-aon do’n Eaglais ath-leasaichte, feadh an t-saoghail, gach neach a bha dealachadh riu-san nan creidimh, bha e na chleachda aca an dream so a thoirt thairis do’n Abhairseir, eidar chuirp agus anama. Anns an t-Hollaint, an Sassan, agus an Albain, ’s iomadh [TD 375] mile neach, òg agus sean, bochd agus beartach, a chuir na Pàpanaich gun iochd gu bàs. ’Nuair a chaidh Riogh Seumas, Righ deireannach na h-Albain do Shassan, agus a shuidh e gu siothchail air an Righ-chaithir, shaoil na Papanaich gu’m bitheadh e na charaid dhoibh. ’Nuair a mhothuich iad nach robh, dhuisg so ’n corruich, be ’n rùn peanas a dheanamh araon air-san, agus air a chairdean. Chum na crìche so, lion iad Seilleirean tigh na Parlamaid le fudar, agus chuir iad rompa an Riogh, a chlann, agus daoine mòra na rioghachd gu leir, a bhitheadh cruinn ’sa Pharlamaid, a losgadh, agus a chuir am mionaid gu bàs. Le freasdal De, fhuaradh fios air an rùn, chaidh stad a chuir orra, chaidh an Righ agus a chairdean a dhion o sgrios. Tha sgeul na’s uamhasaich na so againn re innseadh ann an aon oidhche mhùrt Papanaich na Frainge corr as deich mìle fichid do na Protestanaich bhochd, a shaoil gu’n robh iad tearuinte measg chairdean. Thachair ni bu ghràinaile na eadhon so, mharbh iad ann an Eirin an aon là do chloinn, do mhnàthan agus do dhaoine corr agus ceud mìle. Se so giulan na’m Papanach rinn iad na [TD 376] nithe so, agus mòran tuille na’s ’s urrain sinn innseadh air an àm. O’n giulan ma seadh feudaidh sibh breith a thoirt, am bheil an diadhachd-san tearuinte do dhaoine, agus a reir soisgeul Chriosd, nuair a dhòirt iad a cheana uiread do fhuil an naimhde, agus a tha iad fhathasd a’ deanamh so far am bheil cumhachd aca. Gach neach a bheir gu ceart fainear teagasg agus giulan na’m Papanach, mar ’eil iad air an treigsin le Dia, dionaidh so o’n rib gu cinnteach iad. Ach chum sibhse a dhìon o’n cuilbheirteibh se mo rùn anis ’san III. Comhairle no dha a thoirt oirbh. Cha ’n è ar rùn air chor sam bith, gu’n d’thig ciuradh no sgrios air na Papanaich; cha’n’eil ar diadhachd-ne-no ar n’ Eaglais a’ teagasg dhuinn an lochd a mhiannachadh, no cron a dheanamh dhoibh. ’Se ar rùn amhàin sinn fein agus ar pobull a dhion o dhream a tha na’n naimhde follaisach d’ar leas talmhaidh agus Spioradail. Tha e feumail gu h-àraidh rabhadh a thoirt dhuibh air an àm, o na tha e air a bhagairt, gu’m fuigh Papanaich, na [TD 377] h-Albain fuasgladh o’n lagh, mar a fhuair iad a cheana an Sassan agus Eirin. Mu gheibh iad comas teagasg anns an duthaich agus ’sa bhaile so, tha iad fein an dochas mòr, agus tha cuid fuidh eagal, gu’m fuigh iad greim do chuid do na Gaidheil. Tha daoine glic a’ toirt fainear, gu bheil na Papanaich gu minic a’ faotain greim do’n dream sin a tha ain-eolach agus aingidh. O na tha cuid do na Gaidheil bhochd gun sgoil, tha Goill an àite fuidh eagal, gu’m fuigh iad greim gu h-ullamh dhiu; agus ma thachras so, their iad gur miosa na Gaidheil, na sluagh cummante nan Gall. Nar leigeadh Dia, gum bi aig neach sam bith re radh o ar giulan agus cùl-sleamhnachadh, gur e an coimhthional so as ain-eolaich agus is aingidh sa bhaile. G’ar deanamh faicilleach, guidheam bhur n’aire do aon ni, a tha a’ nochdadh gu soilleir ciod an seorsa dhaoine na Pàpanaich. Tha sinn a’ faotain-sgeul, gu bheil aig an Easpuig an Dùn-eidin ochd-mile pund Sassanach chum Prosleitich a dheanamh. Do dhaoine bochda tha e a’ toirt ochd scillin-deug agus da scillin-shassanach san t-seachdain, mar dhuais air son [TD 378] gabhail re’n creidimh. Tha eadhon so na dhearbhadh gu bheil an creidimh fallsail. Am bheil sibh a’ leughadh sa phiobull, no an cuala’ sibh riamh, gu’n d’ thug Criosd no Abstoil, no dheisciobuil airgiod do neach sam bith chum an creidimh aidmheil? Cha do thachair so riamh; tha e ’mhàin feumail ann an creidimh fàllsail, airgiod a thoirt seachad, chum daoine a bhuaireadh agus a mhealladh. Agus an dream a tha gabhail an airgioid so, ged a tha e an ainm deirc, tha iad gu soilleir a’ reic an anama do na Papanaich, agus do’n Abhairseir. Bithibh faicilleach an aghaidh a bhuaireidh so, agus thugaibh fainear nach d’thoir sibh eisdeachd dhoibh nach dean sibh deisboireachd riu. Si so an obair àraidh, agus am beachd dhaoine ain-eolach tha iad gu h-àraidh deas orra. Thaobh an dream nar measg aig am bheil sgoil agus tuigse, cha’n’eil mi fuidh eagal sam bith mu’n deimhin’. Ach ma bheir iadsan ata ain-eolach eisdeachd, dhoibh, agus ma ni iad deisboireachd riu, mar a thachair do Ebhe air tùs, ’nuair a rinn i deisboireachd ris an Abhairseir, theid iad gu cinnteach an rib, agus tuitidh iad gu làr. Maille re so, guidheam oirbh a bhi diadhaidh, [TD 379] ’n sin cha bhi sibh an cunnart co mhòr o chreidimh na’m Papanach; oir tha ’n creidimh so ’mhàin taitneach do dhaoine aimideach agus aingidh. Thugaibh fainear san àm cheudna, nach miannaich sibh an lochd, nach dean sibh cron dhoibh; ’n àite so ’nuair a tha sibh gar dion fein, deanaibh ùrnuigh re Dia air an son-sa, gu’m fosgail e ’n sùilean, gu’m mugh e an creidimh agus an giulan. Mar so thug mi beachd dhuibh do theagasg fàllsail, agus do ghiulan aingidh na’m Papanach, agus thug mi comhairle na dha oirbh, a tha coimhfhreagradh re’r staid air an àm. Tha sinn an cunnart, gu’m fuigh na Papanaich aris fuasgladh ’nar measg, agus ann am fhreasdal De, ’s iad ar peacaidhean gu cinnteach mathair-aobhair a chunnairt so. ’S ann mar pheanas air son ar n’aingidheachd agus mi-thorradh na h-Eaglais, a tha Dia a’ toirt fuasgladh do choimhlion triobloid ’nar caraibh. Ma se ar rùn ma seadh, gu’m bith Dia leinn gar dion agus gar saoradh, ’s còir dhuinn air an là ’n diu ar peacaidhean aidmheil agus a chaoidh, agus a chuir romhain, ann an neart Chriosd an treigsin gu leir ’nar [TD 380] caithe’-beatha. Tha na nithe so feumail dhuinn, mar dhaoine fa leith agus mar phobull, agus ’s ann ’mhàin le’n deanamh a’s urrain dùil a bhi againn, gu’m buanaich Dia ar sochairean priseil, agus gu’m buin e gu cairdeil ruinn. Bithibh ma seadh treimh-dhireach ’nar n’aidmheil, agus ’nar n’aithreachas, agus mar theisteas air so, bithibh an deigh làimh na’s diadhaidh ’n ur giulan, na’s curamaich’ an gnàthachadh meadhonna na’n gràs, agus nas dùrachdaiche ann an cur an gniomh bhur dleasdanais. Guidheam oirbh aon uair eile a bhi faicilleach an aghaidh na’m Pàpanach Tha Dia na fhianais, gu’n d’thug mi dhuibh rabhadh air bhur cunnart, agus gu bheil mi saor d’ur fùil. Mu ghlacas iadsan sibh nan rib, bithibh deirbhte, gu’n eirich na chuala sibh air an àm a-suas am breitheanas fa dheoigh ’n ur n’aghaidh. Agus ’s bochd a bhitheas a chùis, ma’s eigin dhomhsa, a tha ’nis mar bhuachaile oirbh, air an àm sin teisteas a thoirt ’n ur n’aghaidh, mar dhream a chùl-sleamhnaich o shoisgeul Chriosd, o chreidimh an Aithreacha. ’S mòr da’m fùil phriseil a dhòirt iadsan, chum an creidimh so fhaotain agus fhàgail againne. Gu’n neart- [TD 381] aicheadh Dia gach aon againn, chum bhi seasmhach sa chreidimh so, agus an toradh sin a ghiulan a tha esan ag iarraidh. Agus mar choimhdhùnadh do’n iomlan, guidheam bhur n’aire do bhriathra Phoil ann an lorg stèidh-mo theagaisg, far am bheil e labhairt gu riachdail mu na Pàpanaich, agus ag earrail air Criosduighean anns gach àll a bhi faicilleach na’n aghaidh 2 Thess. ii. 3. [TD 382] SEARMOIN XIX. ROMH. xiv. 8. Oir ma’s beo dhuinn, is ann do’n Tighearna ata sinn beo; agus mas bàs duinn, is ann do’n Tighearna ’ta sinn a’ faghail bàis; uime sin ma’s beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearn sinn. ’S iad so briathra Phoil, seirbhiseach dilis Chriosd, d’am b’aithne gu math a thoil, d’am b’aithne an t-seirbhis a tha dligheach dha. Tha ’n t-Abstoil an so a’ toirt sgeul air a ghiulan, a bhuineas do chreidmhich, air an ni is coir a bhi aca na’m beachd. Mar sheirbhisich Dhe, mar dheisciobuil Chriosd, ’s coir dhuinn sinn fein a choisreaga gu tur da sheir- [TD 383] bhis, agus aoirrip dhùrachdach a thoirt esan a ghloireachadh anns gach ni, araon ’nar beatha agus ’nar bàs. ’Se so ar dleasdanas, se so an dleasdanas a tha ’n t-Abstol ag earrail oirn, agus air àm eile thug mi aoirrip a mhìneachadh dhuibh. Nochd mi gu bheil a bhi beo do’n Tighearn a’ ciallachadh air I. Gu bheil sinn a’ deanamh feum da thoil mar riaghailt-sdiuraidh ar giulan. 2. Gu bheil sinn a’ toirt aoirrip do ghnàth esan a thoilleachadh anns gach ni. 3. Gu bheil sinn a’ cumail a ghlòir ’nar beachd anns gach ni ata sinn a’ deanamh. 4. Gu bheil sinn gar toirt fein gu tur thairis dha, agus ga bheannachadh air gach àm, an là trioblaid, co mhath is soirbheas, ’nuair a tha e toirt uainn co mhath ’s an uair a tha e builleachadh oirn. 5. Sinn fein a thoirt thairis air mhogh co iomlan dha, is nach ’eil sinn ’nar beachd idir beo, ach fhad sa tha sinn a’ toirt seirbhis dha-san, agus a’ nochdadh a chliu. Tha mi nise dol air m’aghaidh chum an dara ni a gheall mi a dheanamh. [TD 384] II. Eadhon so a ghnàthachadh mar riagailt no mar thomhas, g’ar cuideachadh chum breith a thoirt air bhur staid Spioradail fein. Chum na crìche so, ’s eigin dhomh bhur n’aire a ghuidhe, agus freagradh coguis fhior do na ceistean a leanas. 1. Cionnas a tha ughdaras Dhe a’ druthadh air bhur cridheachan? Cha’n’eil mi a’ feoraich, co dhiu a tha na nithe a tha sibh a’ deanamh air an ordachadh le Dia. Thug mi roimhe fainear, gu’m feud sibh sibh fein ann an so a mhealladh. Tha Dia ’g àithne iomadh ni mar dhleasdanas, nach ’eil neo-thaitneach d’ar natur, eadhon ’nar staid thruaillidh; oir is ann uaithe fein gu h-àraidh a chaidh sinn air seacharan; agus ged a tha iomadh pàis borb, neo-chàirdeil a’ sruthadh o so, gidheadh cha’n’eil fuath naturail againn d’ar bràithre, ach ann an àite sin tha ar natur g’ar brosnachadh chum an leas a mhiannachadh, agus eadhon a dheanamh, mur ’eil so ciurail dhuinn fein. Air an aobhar so, cha ’n urrain sinn a radh gu bheil duine beo do’n Tighearna, do bhri gu bheil e [TD 385] cothromach, caomh, agus a’ deanamh math do’n dream, ris am bheil e air a dhlùth-cheangal. Oir tha na nithe so taitneach am beachd dhaoine, tha iad ainmeil, cliuteach, agus am bi’-chiontas cha ’n’urrain duine ni’s fhearr a leas fein a chur air aghaidh, no leis na nithe so a chur an gniomh. Ach ma tha e ga’n deanamh amhàin, no gu h-àraidh, chum a leas fein, cha’n’urrain e a radh gu bheil e beo do’n Tighearna; tha e ’mhàin a’ toirt seirbhis dha fein, agus uime sin ’s eigin dha duais a thoirt dha fein cuideachd. Mar e a rùn seirbhis a thoirt do’n Tighearna, mur e a rùn gach ni a dheanamh o ghràdh dha, agus o mhothuchadh air ughdaras, cha’n’urrain dùil a bhi aige, gu’m fuigh e duais uaithe. ’San 2. Co is miann leibh a thoilleachadh, agus ciod an cairdeas, a tha sibh gu h-àraidh ag iarruidh. Ma tha sibh gu h-àraidh, no ’mhàin ag iarruidh cliu dhaoine, cha’n’eil sibh gu cinnteach beo do’n Tighearna. ’Ta sinne, ars’ Pol, a’ deanamh ar dichill, co aca a bhios sinn a là- [TD 386] thair no air choigrich, gu’m bi sinn taitneach do Chriosd. Bha na Phairisich aris a’ toirt deirc gu pailt, bha iad a’ deanamh ùrnuigh gu minic, bha iad le guth àrd, bha rè uine fhadda; ach bha iad a’ deanamh nan nithe so uile, chum gu’m faiceadh le daoine iad; agus air an aobhar so dh’ainmich Criosd iad nan cealgairean, agus bhagair peanas a dheanamh orra. Cha’n’eil a leithid so do chealgoireachd gu’n amharus cummainte ’nar measg; oir cha’n’eil mòran a’ toirt tuilleadh sa chòir do dheirc no a’ caitheadh tuilleadh sa chòir do dh’ùine an ùrnuigh, agus uime sin cha ruig sinn a leas a ghuidhe orra, gun bhi tuilleadh is math. Ach nach ’eil sibh a’ mothuchadh annaibh fein seorsa eile do chealgaireachd, a tha cosmhuil re so? Am bheil sibh ceart co ullamh, chum na dleasdanais sin a chur an gniomh, leis am bheil sibh gar n’aicheadh fein, is a tha sibh na dleasdanais sin a tha taitneach no tarbhach. Am bheil sibh gu diomhair, mar a tha, no a’ toirt aoirrip a bhith am follais. No am bheil sibh gar cumadh fein re toil bhur cuideachd? An urrain sibh sibh fein a dhìteadh, ann an aontachadh le eagal barailean agus cleachdain an t-saogh- [TD 387] ail? Nach d’aom cleachda cummainte an t-saoghail fibh chum iomadh ni a dheanamh, a bha neo-thaitneach d’ar n’inntin fein? Agus nach ’eil sibh air bhur bacadh o na nithe sin a dheanamh, a tha bhur coguisean ag innseadh bu chòir dhuibh a chur an gniomh an t-eagal gu’n tarruing so oirbh fanaid, no cronnachadh an dream sin, a tha eadhon air bheag suim ’nar beachd? Ma se so bhur giulan, bheir bhur cridhachan fein teisteas ’nar n’aghaidh, nach robh sibh fhathasd beo do’n Tighearna. 3. Ciod an speis a th’agaibh da onoir bhur Tighearna? Am bheil sibh toileach, air a sgàth, fàs ’nar ni sam bith, ni sam bith a dheanamh, no ni sam bith fhulang? Am bheil sibh toileach seirbhis a thoirt dha, eadhon anns an inbhe is dibli na theaghlach? No ma se bhur rùn eirigh ni’s airde, an ann chum tuilleadh do mhath a dheanamh, an ann chum saothair na’s motha a ghabhail, agus seirbhis na’s fhearr a thoirt d’ar maighistir, no a leigeas bhur staid dhibli leibh air an am? ’Nuair a [TD 388] tha sinn gar faicin, a’ streapadh suas co luath sa dh’fheudas sibh, am feud sinn a shaoilsin, gur e so a th’agaibh ’n ur beachd? Tha e soilleir gur còir da so bhi agaibh ’n ur beachd, oir an ti a thainig, ni h-ann chum gu’n deanta frithealadh dha, ach chum frithealadh a dheanamh, cha’n’eil esan a’ gleidheadh seirbhiseach diomhanach sam bith ma phearsa; mar a tha prionnsaidh an t-saoghail so, aig am bheil feum air an leithid sin do nithe ga’n deanamh mòr. Na h-Aingil a tha treun an neart, tha iad a’ deanamh a thoil, tha iad ag eisdeachd re ghuth, agus tha obair aca r’a dheanamh: mar a tha ’n t-Abstol ag radh, tha iad uile na’m Spiorada frithealaidh, air an cur amach chum frithealaidh dhoibh-sin a bhitheas na’n oighreachan air slàinte. Agus cia ard a tha daoine air an togail, cha’n’eil an àrd inbhe ga’n saoradh o sheirbhis a dheanamh do Dhia, ni’s mò no ’n dream is dibli. Feudaidh daoine a shaoilsin, gu bheil iad le’n inbhe air an saoradh o sheirbhis De, agus mo thruaighe tha tuilleadh sa chòir a’ saoilsin so, ach tha ’m barrail aimideach, aingidh. Ann an àite an saoradh, tha Criosd ag radh, gach neach d’an d’thugadh [TD 389] mòran, gun iarrar moran uatha, agus mar is mugha an talann a tha air a thaiceadh ruinn, mar ’eil sinn a’ deanamh feum ceart dheth, mar is mugha fa dheoigh a bhitheas ar diteadh agus ar peanas. ’Sa 4. Ciod a tha deanamh ni sam bith gu h-àraidh taitneach ’nar beachd? Aon ni ars’ Daibhidh, mhiannaich mi o’n Tighearna, agus iarruidh mi e gu minic, a bhith am’ chomhnuidh feadh mo là ann an aros De, a dh’fhaicin maise an Tighearn, agus chum sgeul fhaotain air na Theampull. Agus tha Pol ag radh measam no h-uile nithe ’nan calldach airson ro-oirdheirceis eolais Iosa Criosd ma Thighearna: air son an d’fhuiling mi call nan uile nithe, agus measam gur aolach iad, chum gu’n cosnam Criosd. Ma sibh fior-dheisciobuil Chriosd, bithidh gach uile ni luachmhor taitneach ’nar beachd, do reir ar dàimh risan. ’S fhearr leibh am piobul, no leabhar sam bith eile, do bhrì gur e so focal agus tiomnadh ar Tighearna. Ni sibh gairdeachas aig ath-theachd gach Sàbaid, do bhrì gur e so là ’n Tighearna. Gabhaidh sibh [TD 390] tlachd ’sna naoimh, agus measaidh sibh iad mar dhaoine oirdheirc na talmhain, do bhrì gu bheil iad taitneach do’n Tighearna, agus gu bheil iomhaigh orra. Bithidh urnuigh dhuibh na h-obair thaitneach, do bhrì gu’m fuigh sibh le so cothrum communn a bhi agaibh maille re’r Tighearna. Agus measaidh sibh mar an obair as taitniche agus is onoraiche, math a dheanamh do chuirp, agus gu h-àraidh do anamaibh dhaoine, o na ni so sibh cosmhuil re’r Tighearna, a chaidh muncuairt a’ deanamh math, agus a dh’fhàg eisiomplair againne chum gu’n leanamaid a cheummanna. Mar so measaidh sibh gach ni do reir an dàimh re Criosd. Na ceistean so agus an leithid, feoraichibh d’ar cridheachan fein mar ann an làithair an Dia sin, da’n aithne iad gu h-iomlan; an Dia sin a ni sibh gu grad aithnichte dhuibh fein, agus do dhaoine eile cuideachd, anns an là ’san d’theid gach cleochd a tharruing dhibh, agus an nochdar sibh mar a tha sibh ann an làthair an t-saoghail gu h-iomlan. [TD 391] Co-dhùnaidh sinn anis, le chur an cuimhne dhuibh cuid do na ceanglaichean àraidh àta oirbh, chum bhi mar so beo do’n Tighearna. Agus air 1. Mar ’eil sinn beo do’n Tighearna, tha sinn a’ cur an aghaidh a ghràidh iongantaich a nochd e, ’na thoirt fein na ofrail agus ’na iobairt do Dhia air ar son. Tha focal De a’ cur so gu riachdail an ceill. Ghiulain esan ar peacaidhean na chorp fein air a chrann, chum air dhuinne bhi marbh do’n pheacadh, gu’m bitheamaid beo do fhireantachd. Thug esan è-fein air ar son, chum gun saoradh e sinn o gach uile aingidheachd, agus gu’n glanadh e sinn dha fein nar pobull sonraichte, eudmhor mu dheadh oibre. Fhuair esan bàs air son nan uile, chum iadsan àta beo, nach biodh iad a so suas beo dhoibh fein, ach dha-san a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’eirich aris. Agus tha Eoin ag radh, chum na criche so dh’fhoillsicheadh mac Dhe, chum gu’n sgriosadh e oibridh an Diabhoil; se sin chum’s gu’n ulluicheadh e daoine fa chomhair Neamh, le oibreachadh a Spioraid, co mhath is Neamh a chosnadh dhoibh le toil- [TD 392] teanas fhola. Anis ma ’s è ’n ni a bh’aig Criosd na bheachd anns na rinn è, anns na dh’fhuiling è, agus anns na choisin e, ar deanamh naomha, agus beo dha fein, ’s còir dhuinn gu cinnteach a bhi beo dha. ’San 2. ’S còir a bhi beo do’n Tighearna, mar a tha speis againn do onoir ar maighistir, agus do chreideas a shoisgeil. Le giulan diadhaidh naomha cuiridh sinn na’n tosd daoine aingidh, bheir sinn uapa an cothrum, a tha iad ag iarruidh, chum toibheim a thoirt do’n ainm urramach a tha air ainmeach oirn. Le giulan naomha, bheir sinn dearbhadh riachdail do’n t-saoghal, gu bheil soisgeul Chriosd na mheadhon eifeachdach slàinte, agus gu bheil Criosd gun amharus na Shlanuighear. Tha mòr-eifeachd gun amharus ann am bàs Chriosd, ’nuair a tha e brosnachadh an dream a tha creidsin ann, chum bàsachadh do’n pheacadh. Cha n’urrain sinn a bhi fuidh amharus gu bheil e beo, agus gu bheil gach uile-chumhachd an Neamh agus talamh air an toirt dha, ’nuair a tha sinn ga fhaicin beo [TD 393] na bhuill, le ghràs uile-bhuadhach, agus ’nuair a tha e toirt orra-san a bhi beo dha-san. Ach air an làimh eile, ma tha a dheisciobuil truaillidh, peacach, tha iad a’ deanamh an cròn is mò is urrain iad d’a chàs, tha iad a’ toirt cothrum da naimhde a radh, nach ’eil eifeachd na shoisgeul, chum cridheachan an dream sin a riaghladh, agus an caithe’-beatha ath-leasachadh, a tha ga aidmheil. Brosnaicheadh na nithe so, ma seadh, gach h-aon againn, chum bhi beo dha-san, a fhuair bàs, agus a dh’eirich, agus a dh’ath-bheothaich, chum gu’m bitheadh e na Thighearn air na beathaibh agus air na marbhaibh. Agus ’nuair a tha sinn ag amharc ’suas air son a choghnadh sin, a tha ni ’mhàin a’ toirt misneach dhuinn, ach ag àithne dhuinn dùil a bhi againn ris, rachamaid air ar n’aghaidh na neart, labhramaid amhàin mu fhireantachd, chum ’nuair a gheibh sinn bàs gu’n caidil sinn an Iosa, da’m bheil sinn anis beo, agus gu’n d’thoir sinn ar cuirp thairis do’n t-Slanuighear ann an dochas beothail re ais-eiridh ghloirmhor. An sin theid gealladh priseil [TD 394] Chriosd a choimhlionadh ma ni neach air bith seirbhis dhomh-sa, leanaidh e mi; agus ge be àite am bi mise, ann an sin bithidh mo sheirbhiseach mar an ceudna; ma ni neach seirbhis dhomh-sa bheir m’Athair onoir dha. Amen. [TD 395] SEARMOIN XX. COLOSS. ii. 6. Uime sin. mar a ghabh sibh chugaibh an Tighearn Iosa Criosd, gluaisibh ann. ANNS a chaibideil so, far am bheil ar stèidh-teagaisg, tha ’n t-Abstol ag earrail air na Criosduighean aig Colosse, a bhi seasmhach na’n creidimh, fantuin bunataich ann an Criosd; agus aire mhath a thoirt, nach bitheadh iad air am mealladh le briathraibh snasmhor, agus le beul-aithrisibh dhiomhaoin dhaoine. O na thoisich an dream sin gu math, gus am bheil an t-Abstol an so a’ scriobhadh, be a rùn coghnadh a thoirt dhoibh, chum dol air an aghaidh ann an [TD 396] slighe na fìreantachd, thair bolg an naimhde gu leir. Bha fior-eolas aige gu’n amharus air an natur, air an staid, agus air gach buaireadh, da’n robh iad buailteach; tha e a’ toirt rabhadh dhoibh air an cunnart, agus tha e gu càirdeil a’ teagasg dhoibh, cionnas bu chòir dhoibh iad fein a ghiùlan. Chaidh Criosd a shearmonachadh dhoibh, agus gabh iad gu toileach ris; ach bha iad ann an cunnart, earbsa a chur na’n gliocas, agus na’n neart fein, chum seasamh an aghaidh an naimhde, agus chum an dleasdanais a chur an gniomh. Ga’n dìon o na smuaintidh aimideach so altrum na’n inntin, tha è gu riachdail ag innseadh dhoibh, gur e Criosd tobar an gliocais agus an neart Spioradail, agus tha e a’ guidhe orra gluasachd ann. Cosmhuil ris na creidmhich so, dh’aidmhich mòran againne ar creidimh ann an Criosd, agus chuir sinn an ceill le’r giulan, gu’n do ghabh sinn gu toileach ris. Tha sinn an ùine ghrad, gu dol air ar nais a dh’ionnsuidh an t-saoghail, far an d’thoir ar naimhde Spioradail iomadh ionnsuidh eile oirn. Ciod, ma seadh, a’s còir dhuinn a dheanamh, chum [TD 397] Dia a thoilleachadh, chum ar creidimh a dhearbhadh, agus chum seasamh an aghaidh ar naimhde; tha ’n t-Abstol ag innseadh so dhuinn, agus ’se sin, gluasachd ann an Criosd. Le coghnadh Dhe, bheir sinn anis aoirrip, an dleasdanas cuidthromach so a mhìneachadh dhuibh, agus earrail oirbh le dùrachd, agus chum so a dheanamh gu soilleir, thugamaid st. Fainear, co ’n Ti, a tha air a nochdadh dhuinn, mar chuspair ar creidimh. Tha ’n t-Abstol ag ainmeach an Ti so, an Tighearn Iosa Criosd; agus ’se so ’n Ti ris an còir dhuinne gabhail, agus anns an còir dhuinn gluasachd. Thaobh natuir, tha sinn uile air seacharan o Dhia, tha sinn anmhunn, truaillidh, dall, tha sinn caillte do fhior-shonas: ach chuimhnich Dia oirn an trocair, chuir e o Neamh a mhac fein gar n’iarruidh, agus gar tearnadh. Tha ’n Soisgeul a’ nochdadh mac Dhe d’ar creidimh, mar ar Tighearna; mar an Ti, aig am bheil còir naturail air ar n’umhlachd anns gach ni, o na chruthaich e sinn; agus aig am bheil mar an ceud- [TD 398] na còir Spioradail, o na cheannuich e sinn le fhùil phriseil fhein. Thuilleadh air so, ’s esan an Tighearna, o na tha e a’ riaghladh an t-saoghail le fhreasdal, a’ toirt d’a phobull gach ni a tha iad a’ mealtain, agus ga’n dìon o chumhachd an naimhde. Ach ’se Mac Dhe Iosa, co mhath ’san Tighearna; tha ’n t-ainm so a’ ciallachadh, gu bheil e na Shlànuigh-fhear, gu bheil e comasach agus toileach ar n’anama a leughas o thinnis tròm a pheacaidh. ’Se so an t-ainm, a dh’òrduich Aingeal o Neamh do Ioseph a thoirt dha, eadhon mu’n robh e air a bhreith; agus o na ’s esan an Lèigh Spioradail, glòirmhor, a chuir Athair nan gràs d’ar n’ ionnsuidh, tha aige gu cinnteach r’a thoirt d’a phobull, gach ni a tha feumail, chum an anama a dheanamh slàn naomha, maiseach agus sona. Mar dhearbhadh air so, tha e air innseadh dhuinn, gur è ’n Slànuighear so Criosd; ’se sin re radh, an Ti a thagh, a dh’ùng, agus a dh’òrduigh an t-Athair, chum an cinne-daonna a thearnadh. Fuidh ’n t-sean tiomnadh, dh’òrduich Dia gach neach ùngadh, a bha esan a’ gairm chum oifig fàigh, Sagairt no Righ a ghabhail orra: agus bha ’n ùngadh a’ ciallachadh, [TD 399] gu’n robh Dia a’ toirt dhoibh, agus gu bhuilleachadh orra, o àm gu h-àm, gach ni a bha feumail, chum an oifig a chur an gniomh. Air an doigh cheudna, leis an ainm so Criosd a thoirt d’ar Slànuighear, tha Dia a’ teagasg dhuinn, gu bheil e làn-ulluichte air son obair, gu’n d’thug esan gach ni dha air talamh, a bha feumail chum an t-slàinte so a bhuilleachadh orra. ’Se so ’n ti glòirmhor, gràsmhor, maiseach, a tha Soisgeul na sith a’ taisbeanadh d’ar creidimh, mar ar n’Uachdaran, mar ar Slanuighear, mar ar muinghin threun, eadhon an Tighearn Iosa Criosd. Thugamaid anis fainear ’san II. Ciod e gabhail re Criosd. Tha fhios agaibh uile gu ro-mhath, ciod e gabhail air mhoth naturail, re gibht sam bith, a tha air a tairgse dhuibh; agus ’se so a glacadh gu toileach, agus a gnàthachadh chum ar leas agus ar sòlas fein. Tha creidimh do’n anam, ceart mar a tha ’n làmh agus an t-sùil do’n chorp; tha creidimh a’ toirt Chriosd am beachd an anama, gu ghlacadh gu toileach, agus gu taingeil a’ deanamh feum dheth. [TD 400] Tha creidimh a’ nochdadh Chriosd dhuinn, mar ar n’ Uachdaran dligheach, agus tha ’n t-anam an lorg so ’g eilleachdain gu h-ullamh dha. Tha creidimh mar an ceudna g’a nochdadh dhuinn, mar ar Leigh Spioradail, mar ar Slànuighear uile-chumhachdach, uile-ghràsmhor, agus tha ’m beachd so gar brosnachadh, chum sinn fein a thoirt thairis da, agus a thilgeadh gu tur air a chùram, gu bhi air ar leughas, agus air ar slànuchadh leis. Ach mu’n bheil daoine mar so a gabhail re Criosd, seigin dhoibh o mhothuchadh, gu bheil iad ceannairceach, eas-umhal, gu bheil an naimhde Spioradail tuilleadh ’s laidir air an son; gu bheil an anama eas-lan, tinn, agus an cunnart bàs siorruidh. ’Nuair a tha iad a’ mothuchadh so, agus a foghlum o fhocal De, gur e Criosd an Uachdaran Spioradail, gur è ’n Slànuighear a dh’òrduich Dia; tha ’n anama air ball a’ fosgladh chum gabhail ris, tha iad gu h-ullamh ga’n toirt fein thairis dha, eidar chuirp agus anama, gu bhi air an teagasg, air an tearnadh, air an riaghladh, agus air an dìon leis. Mar so tha iad a’ gabhail re Criosd, mar am fàigh, an Sagart, agus an Riogh; tha iad an lorg so toileach gach ni a [TD 401] dheanamh, a tha taitneach dha-san; ’sè ’n rùn an gibhte agus an talanna, buill an cuirp, agus cead-faithe an anama a ghnàthachadh, do reir mar a tha esan ag òrduchadh dhoibh. ’Se so gabhail re Criosd, no creidsin na ainm, mar a tha ’n Soisgeul ga thaisbeanadh dhuinn. O nach ’eil ach ro-ghaoirid, o na dh’aidmhich mòran agaibh-se bhur creidimh ann an Criosd, gu soleimte aig a bhòrd fein, tha mi an dochas gu’n do ghabh sibh ris, agus gur e bhur rùn anis so a dhearbhadh, le thoil a dheanamh. Ma se so gu’n amharus bhur rùn, bheir mi aoirrip innseadh dhuibh, cionnas a’s còir dhuibh sibh fein a ghiùlan. Tha so a’ cur an cuimhne dhomh fhiosrachadh anns an III. Ciod e gluasachd ann an Criosd. Tha ’n giùlan a’s còir do’n chreidmheach a bhi aige anns an t-saoghal so, air a choimeas am focal De, re iomadh ni talmhaidh, chum beachd so-thuigsin a thoirt dhuinn dheth. Air uairibh, tha e air a choimeas re [TD 402] blàr no cath, do bhrì gu bheil mòran do naimhde Spioradail againn, ris an eigin dhuinn cleachda gu cruaidh, agus cogadh gu duineil. Aris, tha e air a choimeas re rèis, do bhrì gu bheil an turus fada, ar n’ ùine gaoirid teagmhach, agus do bhrì, ann an lorg so, gu bheil mòr-fheum againn, air cabhaig, cùram, saothair, agus eud. Ann ar stèidh-teagaisg, agus ann an iomadh earran eile, tha giùlan a chreidmhich air a choimeas re gluasachd, no imeachd ann an slighe àraidh. Agus mar a tha Dia ’g àithneadh so d’a phobull, tha e a’ taisbeanadh dhoibh na slighe, anns an còir dhoibh imeachd, agus ’si so ’n t-slighe sin, a tha a’ treorachadh chum na beatha mhairreanaich. Tha gluasachd gu h-àraidh a’ ciallachadh d’a ni. Air 1. Gu bheil an creidmheach bissidh, deanadach. ’S iad na nithe, mu’n còir dha a bhi bissidh deanadach, ann an smachdachadh a phàisibh agus ainmiannaibh feòlmhor; am fàs ann an eolas, an creidimh agus an gràdh; agus ann an cur an gniomh a dhleasdanais do Dhia, do [TD 403] dhaoine, agus dha fein. An duine sin a tha gluasachd air slighe àraidh, tha e do ghnàth bissidh, do ghnàth caruchadh o àite gu h-àite, do ghnàth toirt ceum agus ceum eile ’na thurus, gus am bheil e a’ ruigheachd ceann-uidhe. Ceart mar so, ’n duine a tha gluasachd ann an slighe statuin Dhe, cha’n’eil e a’ seasamh, gu’n cheum a thoirt air a thurus no fàs leasg, sgìth agus fann; ach tha e do ghnàth a’ deanamh na h-oibre, a tha a Shlànuighear ag earbsa ris, agus Athair Neamhaidh ag àithneadh dha; tha e do ghnàth a’ deanamh toil De, gus am bheil e a’ ruigheachd ceann-uidhe, rioghachd Neamh. 2. Tha e do ghnàth a’ dol air aghaidh san t-slighe. An duine sin a tha a’ gluasachd, tha e do ghnàth a’ dol air aghaidh ’na shlighe, tha e gach uair agus là a’ dluthachadh ni’s mò re ceann-uidhe. Air an doigh cheudna, ’se araon dleasdanas agus rùn a chreidmhich, a bhi do ghnàth a’ dol air aghaidh ann an slighe na fireantachd; ’se sin, a bhi fàs na’s neartmhoire na chreidimh, na’s dian laiste na ghràdh, na’s [TD 404] naomha na chridhe na’s diadhaidh na ghiùlan, agus na’s tarbhaiche ’n deadh oibre. Tha fhios aige gu math, ma tha e car tamuil a’ stad na thàmh air an t-slighe, gu bheil è ’n cunnart a bhi air a sgrios; (ceart mar a tha eadhon an Braddan laidir, air a bhàthadh san t-sruth, ma tha e rè ùine a fantuin gun charuchadh). O nas ann mar so a tha a chùis, tha ’n creidmheach do ghnàth a’ toirt aoirrip, maille ris an Abstol Phol, ‘na nithe ata air cùl a dhi-chuimhneachadh, agus a bhi g’a shìneadh fein chum na’n nithe ata roimhe, a’ dian-ruidh a dh’ionnsuidh a chomharthaidh chum geall àrd ghairm Dhe ann an Iosa Criosd.’ O na nithe so chith sibh, ciod a’s brì do ghluasachd, thugamaid anis fainear anns an 3. Ciod e gluasachd ann an Criosd. Tha e air innseadh dhuinn ann am focal De, gu bheil an creidmheach ann an Criosd, mar a tha geug anns a chraoibh; no mar a tha ’n corp, agus na buill air an coimhcheangal ris a cheann. ’S ann o’n chraoibh, a tha na geugan a’ tarruing brìdh, leis am bheil iad [TD 405] a’ fàs, agus a tha ’ga’n deanamh, ùrmhor, duilleagach agus maiseach; agus ’s ann o’n cheann, a tha buill a chuirp a’ faotain an riaghailt agus an ordugh. Tha focal De mar an ceudna a’ teagasg dhuinn, gur e Criosd tobar beatha agus neart, eolais agus gliocais a phobuill; nach urrain iad ni math sam bith a dheanamh a’s eugmhais, agus gu bheil esan a’ toirt dhoibh gach ni a tha feumail, chum an deanamh umhal, naomha, sona. Chum na nithe so fhaotain o Chriosd, tha e feumail, gu’m bi sinn ’na fhochair, gu’n glèidh sinn teann air, gun dian-lean sinn ris, le dùrachd-cridhe, gu’n glac sinn le creidimh na tiodhlacaidh, a tha e a’ tairgse, gu’n gnàthaich sinn na meadhonna, a shuidhich e na Eaglais, agus gu’n iarr sinn eifeachd a Spioraid. ’S ann mar so a tha Criosd a’ toirt tiodhlacaidh Spioradail d’a phobull, agus ’s ann mar so a’s eigin dhùinne, sinn fein a ghiùlan, ma se ar rùn seirbhis thaitneach a dheanamh do Dhia, agus dol air ar n’aghaidh ann an slighe na fìreantachd. Tha giulan nan creatairean, a tha ’g aiteachadh na talmhain, co-mhath a’s dhaoine [TD 406] thaobh nithe an t-saoghail so, gu soilleir a’ teagasg dhuinn, gur còir dhuinn gach ni a dheanamh am fochair Chriosd, ann an dochas re ghràs, ann an earbsa re choghnadh. Tha gach creatair a’ cumail teann air am paranta, agus ag iarruidh an coghnadh, ga’n sdiùradh agus ga’n neartachadh an àm an òige; tha iad mar an ceudna ’g iarraidh cul-taic an àm cruaidh-chais agus cunnairt, ga’n dìon o chumhachd an naimhde. Mar so tha ’n searrach, agus an laogh agus eoin an aidheir gu leir do ghnàth ga’n giùlan fein. A-ris, ’nuair a tha aoghluimte òg a’ foghlum dreachd, o mhaighistir fiosrach, tuigseach, cumhachdach, cha’n’eil e a’ deanamh ni sam bith, gun choghnadh agus seòladh fhaotain o mhaighistir. No an uair a tha duine ann an duthaich choimhich, far am bheil mòran do ghaduichean dàna, na do fhiadh-bheathaiche guineach, ciùrail; ma tha ceann-iùil fiosrach càirdeil aige, tha e ’g imeachd do reir a chomhairle, tha e g’ iarruidh a choghnadh an àm a theinn, an t-eagal gu’m bi e air a sgrios. Tha ’n creidmheach, fhad sa tha e bhos air talamh, ain-eolach, anmhunn agus eagalach; [TD 407] tha e ea-comasach dheth fein, chum imeachd anns an t-flighe, a tha treoruchadh chum beatha, no chum seasamh an aghaidh na’n naimhde, a tha g’a chuairteachadh air gach taobh. O na si so a staid agus o na se Criosd amhàin a tha toirt dha gràs, neart agus gliocas, chum a dhleasdanais a chur an gniomh, chum seasamh an aghaidh buaireidh, agus chum fàs gach là an creidimh, an gradh, agus an naomhachd, ’s còir dha fanntuin ann do ghnàth, imeachd na fhochair, a ghràs agus a Spiorad iarruidh le dùrachd. ’Se so gluasachd ann an Criosd, a bhi do ghnàth bissidh, agus gach là a’ meudachadh ann an obair an Tighearna; gach ni a dheanamh an neart, agus trìd gràs ar Slànuighear, gach ni a dheanamh o ghradh dhà-san, agus chum glòir ar n’Athar neamhaidh. Tha so g’am thoirt air m’aghaidh, gu fhiosrachadh anns an IV. Ciod e gluasachd ann an Criosd, mar a ghabh sinn ris. Chum an ni so a thuigsin, cha’n’eil againn amhàin ach a chuimhneachadh, ciod an staid [TD 408] anns an robh sinn, no ciod am beachd a bh’againn do’n pheacadh, do Chriosd, agus do nithe Spioradail, ’nuair a dh’aom Spiorad De sinn air tùs chum gabhail ris. Air an àm so, mhothuich sinn ar cionta mar eallach thròm air ar n’inntin, chunnaic sinn ar cunnart mòr, bha Ifrionn, mar gu’m beadh fosgailte fa chomhar ar sùl, bha lagh Dhe a’ bagairt ar sgrios, agus a cheartas ar tilgeadh sios air ball ann an iomall dorchadais. Air an àm sin cuideachd, bha sgeul air maitheanas aoibhneach, bha geallanna an t-soisgeil priseil, agus an Slànuighear uile-mhaiseach ’nar beachd; bha sinn làn-thoillichte leis an dearbhadh a thug e dhuinn, gu bheil e comasach agus toileach ar tearnadh. Thuilleadh air so, thug sinn fuath do’n pheacadh, bha sinn brònach air a shon; thug sinn gradh dian-laiste do Chriosd, bha sinn taingeil air son a shlàinte, bha mòr-dhèigh againn air càirdeas De; be ar rùn, oscionn gach ni coimhchommunn a mhealtuin maille re’r n’Athair Neamhaidh, agus r’a mhac Iosa Criosd. Ma ghabh sinn gu’n amharus re Criosd, mar a tha e air a thairgse dhuinn san t-soisgeul, bi so staid ar [TD 409] n’anama, ’nuair a ghabh sinn ris air tùs, agus a thoisich sinn air gluasachd ann. Anis o na b’i so ar staid, ’nuair a ghabh sinn re Criosd, ’se gluasachd ann mar a ghabh sinn ris, am beachd ceudna a bhi againn do’n pheacadh, am fuath ceudna dha, am bròn ceudna air a shon, agus an rùn ceudna a threigsin. Maille re so, ’s eigin dhuinn am beachd ceudna a bhi do Chriosd, da ghlòir, da chumhachd, agus d’a thròcair; ’s eigin dhuinn an gràdh ceudna a bhi againn dha, an dèigh cheudna air càirdeas De, agus an rùn ceudna coimhchommunn a mhealtuin maille ris. Mar ’eil am beachd agus am mothuchadh ceudna againn, thaobh nan nithe so uile, a bh’againn air tùs, ’nuair a gheill sinn do Thighearna na glòir, cha’n’eil sinn a gluasachd ann, mar a ghabh sinn ris, cha’n’eil sinn a gluasachd, mar a’s cubhaidh d’a phobull. Do thaobh aithreachas, no fuath do’n pheacadh, agus bròn air a shon; ’s còir dhuinn a bhi cosmhuil re tobar, a tha do ghnàth a’ ruidh sa gheamhradh, agus ’san t-samhradh, co dhiu a tha ’n aimsir fliuch no [TD 410] tirim, fuar no teath. A-ris a thaobh gràdh do Dhia, do Chriosd, do nithe Spioradail, agus do naomhachd, ’s còir dhuinn a bhi cosmhuil re amhuinn mhòr, a tha ghnàth a’ ruidh gu dian, agus a’ meudachadh mar a tha i a’ dol air a h-aghaidh, gus am bheil i fa dheoigh air a taomadh ’san fhairge. Ma tha sinn a’ gluasachd ann an Criosd, mar a ghabh sinn ris, cosmhuil re Daibhidh, tha ar peacaidhean do ghnàth fa chomhar ar sùl; tha sinn a’ toirt aoirrip am peacadh a threigsin, agus cogadh an aghaidh ar naimhde, Dia a ghràdhachadh, agus àitheanta a choimhead, le’r n’uile chridhe, agus le’r n’uile dhùrachd, mar a rinn sinn air tùs. Dh’fhosgail sinn ar n’anama gu toileach do Chriosd, ’nuair a ghabh sinn ris air tùs, agus ma tha sinn a’ gluasachd ann, mar a ghabh sinn ris, tha sinn, a’ deanamh so gach là ni’s mo agus ni’s mò, (cosmhuil re solus na Greine, a fosgladh ni’s mò agus ni’s mo, mar a tha a Ghrian ag eiridh oirn.) ’Se so gluasachd ann an Criosd, mar a ghabh sinn ris, buanachadh gu seasmhach ’nar ceud bhròn, ’nar ceud ghràdh, agus ’nar ceud rùn, seirbhis an Abhairseir gu tur a threigsin, agus [TD 411] umhlachd thaitneach a thoirt do Dhia. Mar so nochd mi dhuibh, co e cuspair ar creidimh, ciod gabhail re Criosd, ciod gluasachd ann an Criosd, agus ciod gluasachd ann, mar a gabh sinn ris. Deanamaid anis foghnadh iomchuidh. ’Nuair a tha duine a’ gabhail seirbhis, ’nuair a tha e ’gealtain fanntuin dlù air a mhaighistir, agus obair a dheanamh, do reir a chomhairle, agus do reir òrdugh, tha e ceangailte air na nithe so uile gu toileach a dheanamh. ’Nuair a tha Saighdfhear a’ dol chum cogaidh, agus a’ gealtuin a bhi fìrinneach d’a cheannard, ’s eigin dha a ghealladh a choimhlionadh, ’s eigin dha an àm a chath a bhi duineil, cruadalach, treun, ’s eigin dha a bhi freagarach d’a cheannard, ma se a rùn cliù agus duais fhaotain. Ceart mar so, ’nuair a tha sinne a’ gabhail re Criosd, mar ar maighistir, ar Ceannard, agus ar Slànuighear; agus ’nuair a tha sinn a’ nochdadh gu follaiseach le’r giùlan, gu’n do ghabh sinn ris, tha so mar argumaid neartmhor gar brosnachadh, [TD 412] chum gluasachd gu fìrinneach ann. Dh’aidmhich mòran agaibhse bhur creidimh ann an Criosd, eadhon aig a bhòrd fein, agus feoraicheam anis dhibh, c’arson a ghabh sibh ris? ’Sann gu cinnteach chum slàinte sìth agus leas bhur n’anama a chur air an aghaidh; ’s ann chum neart, gliocas agus gras fhaotain uaithe, chum bhur n’anama a leughas, agus a naomhachadh, gar neartachadh chum buaidh a thoirt air bhur naimhde, chum bhur dleasdanais a chur an gniomh, agus chum ulluchadh fa chomhair sonas Neamh. Ach mar gluais sibh ann an Criosd, mar gleidh sibh teann air, mar bi sibh na fhochair, mar gnàthaich sibh meadhonna na’n gràs, mar iarr sibh a Spiorad, mar cuir sibh earbsa ’na chumhachd agus ’na ghràdh, cha n’urrain dùil a bhi agaibh ris na nithe so, cha n’fhuigh sibh iad air chor sam bith. Thugaibh fainear, nach aicheadh sibh le’r giùlan an dèidh làimh, an ni a dh’aidmhich sibh aig bòrd Criosd, ’se sin, gun do ghabh sibh ris, agus gur è bhur rùn gluasachd ann. ’Nuair a theid sibh air bhur n’ais an ionnsuidh an t-saoghail, ma ni sibh bhur toil fein amhàin, agus mu dh’imicheas sibh na’r [TD 413] gliocas, agus na’r neart fein, tha sibh ag aicheadh, gur e Criosd bhur Maighistir, cha’n’eil sibh a’ gluasachd ann. Tha cuid san eisdeachd, a dhiùlt gu dàna a nochdadh le’n giùlan, gu’n do ghabh iad re Criosd, agus a’s ni eagalach e, gu’n diùlt iad mar an ceudna gluasachd ann. A mhuintir aimideach, tha anama priseil, neo-bhàsmhor agaibh; tha sibh do ghnàth ag eiridh moch, agus a’ luidhe an-moch, chum nithe feumail fhaotain d’ar cuirp; gidheadh mo thruaighe, tha sibh a’ leigeil le’r n’anama bàsachadh dhìth lòin, ged a dh’ulluich Criosd pailteas air an son, agus ged a tha e gu saor g’a thairgse dhuibh. Ach dh’fheudadh e bi, gur e bhur rùn, tuilleadh do shòlas a pheacaidh a mhealtuin, agus bha sibh eagalach, gu’n cuireadh suidhe aig bòrd Chriosd caileigin do ghrabbadh oirbh. Ma se so bhur beachd, tha bhur staid ciontach, cunnartach, brònach; gu’n deanadh Dia tròcair oirbh, gu’n deonaicheadh Criosd maitheanas dhuibh. [TD 414] Tha cuid eile, tha coslach ’san eisdeachd, a nochd air an àm so, air tùs gu follaisach aig a bhòrd, gu’n do ghabh iad re Criosd. A mhuintir mo ghraidh, thug bhur naimhde gu math fainear bhur giùlan, thug iad fainear e le corruich agus oilbheum, ach cha do chaill iad fhathasd an dochas agus am misneach, bheir iad iomadh ionnsuidh eile oirbh; uime sin, ma se bhur rùn a bhi seasmhach, scòir dhuibh gluasachd ann an Criosd. Seachnaibh droch chuideachd, seachnaibh buaireadh, na leigibh le droch smuaintidh àite-tàmh fhaotain ’nar ’n inntin, gnàthaichibh le cùram meadhonna na’n gràs, bithibh gu minic, dùrachdach aig caithir na tròcair. Fa dheoigh, tha mòran, tha mi ’n dochas, ’san eisdeachd, a ghluais a cheana re ùine ann an Criosd; agus dhlùthaich ris air an àm aig a bhòrd, chum nuadh neart fhaotain uaithe. A mhuintir mo chridhe, rachaibh gu duineil, treun air bhur n’aghaidh, dh’fheudadh e bi, nach ’eil agaibh ach ceum no dha eile re thoirt ’nar turus, gus an ruig sibh gu tearuinte ceann ar n’uidhe. Tha Dia, Aingil, [TD 415] agus daoine na’m fianaisean air na rinn sibh; gheall sibh an cath a chur gu cruadalach, gheall sibh ruidh gu luath ’san rèis. Thig am bas an ùine ghrad, mar theachdaire ’n Tighearna, gar saoradh o bhuaireadh, o thriobloid agus o bhròn; bithibh, ma seadh, fìrinneach gu bàs, agus bheir Criosd dhuibh crùn na beatha. Gu’n deonaiche Dia, gu’m bi mòr-mhath air a dheanamh do anamaibh gach aon againn, leis na nithe a chunnaic, leis na nithe a chuala, agus leis na nithe a rinn sinn air an là an diu. [TD 416] SEARMOIN XXI. GNIOMH. xx. 32. Searmoin dealachaidh—Glaschu. Agus anis, a bhraithre, tha mi gar taiceadh re Dia, agus re focal a ghràis, ata comasach air sibhse a thogail suas, agus oighreachd a thoirt duibh, am measg na muinntir sin uile, ata air an naomhachadh. Cosmhuil re Mhaighistir Neamhaidh, bha Pol do ghnàth bissidh, do ghnàth a’ dol muncuairt, o bhaile gu baile, agus a’ deanamh math do anamaibh dhaoine. Mar a shuidhich e iomadh Eaglais, ann an iomadh duthaich agus baile, ghabh e do ghnàth cùram Athaireil dhiu. Air dha Eaglais a shuidh- [TD 417] eachadh a’m baile mòr Ephesus, dh’fhan e maille riu car tri bliadhna, ga’n daighneachadh ’nan creidimh, agus a’ teagasg dhoibh slighe na beatha. Na thurus deireannach chum baile Ierusalem, chaidh Pol air tir aig Miletus, baile mòr, a bha teann air Ephesus. Agus o nach robh uin’ aige, dol a dh’fhaicin a chairdean, chuir e fios air Seanoirean, agus Criosduighean ainmeil a bhaile sinn, agus labhair e riu mar an Athair Spioradail. Ga’m brosnachadh gu eud, ann an seirbhis Chriosd, chuir e ’n cuimhne dhoibh a theagasg, a dhùrachd, agus a ghiùlan na’m measg. Bha a choinneamh so gun amharus cairdeil, bha ’n colluadar sòlasach, diadhaidh, bha an dealachadh gu h-àraidh brònach. Tha e a’ labhairt, ni ’mhàin ris a phobulll, ach, mar an ceudna, re Ministeirean òga; agus tha e, ’n lorg an dleasdanais a chur an ceill a’ gabhail a chead diu, le rùn cairdeil, agus am briathraibh druighteach; agus anis a bhràithre, &c. Chum na briathra so a mhìneachadh, fiosraicheamid an [TD 418] I. Co ris a tha Pol ga’n taiceadh. B’aithne do’n Abstol gu math an duine, gu bheil e ainniseach, anmhunn ann fein, agus gu bheil mòr-fheum aige air cùl-taic agus coghnadh, araon a thaobh nithe talmhaidh agus Spioradail. B’aithne dha gur i so staid eadhon an dream is fhearr air talamh, agus uime sin tha e ga’n taiceadh risan, a b’urrain cùram a ghabhail diu, agus ris a mheadhon a dh’òrduich esan ga’n dìon. Tha e mar an caraid glic, ga’n taiceadh r’e Dia, agus re fhocal. Air 1. Tha e ga’n taiceadh re Dia. O na bha ’n t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh, a’ coimh oibreachadh ann an dealbh, agus ann an tearnadh dhaoine, tha iad do ghnàth a’ gabhail cùram dhiu. 1. Se Dia an t-Athair, Uachdran an domhain, tha e làthair anns gach àite, tha làmh treun, tha ghliocas iomlan, tha ghràdh do shliochd an duine seasmhach, dian. Tha ’n saoghal gu leir an crochadh risan, tha ’n [TD 419] [Taobh-duilleig 409 san leabhar fhèin] domhan gu h-iomlan air a chumail suas leis. Mar a tha Iob ag radh, tha e glic an cridhe, agus treun an neart; ’se a dh’atharraicheas na sleibhte, ’s gu’n fhios aca air, ’se a thionndas iad bùn oscionn na chorruich; se a chrathas an talamh a’s àite, a’s a chuireas air chrith a bhùnaite socrach; mu bheir e àithne do’n Ghrèin, cha n’eirich i, agus tha na reultan air an glassadh suas leis. ’S ann ris an Dia uile-chumhachdach, uile-ghlic so, a tha deanamh a reir a thoil, an Neamh shuas agus air talamh a bhos, a tha Pol a’ taiceadh a chàirdean. 2. Tha e a-ris ga’n taiceadh, no ga’n toirt thairis do Chriosd, gu bhi air an teagasg, air an sdiuradh, air an dionadh, agus air an riaghladh leis. Se Criosd fear-sdiuraidh a phobuil, trìd fàsach an t-saoghail so; mar so tha e fein ag radh, ’s mise an t-slighe, an fhirin, agus a bheatha, agus cha d’thig, aon neach chum an Athar, ach triomsa. ’S esan mar an ceudna an àrd-Shagart, chum an cionta a dhioladh, ’se fear-deanamh na sìth, agus tha e beo gu siorruigh, gu eidir-ghuidhe a dheanamh air an son. An àm cruaidh-chàs, [TD 420] buaireidh agus triobloid, tha a ghràs foighainteach air an son; tha e a’ toirt a ghath as a bhàs, agus a’ toirt dhoibh seilbh air glòir Neamh. O na ghabh e air o shiorruigheachd obair ar slàinte, agus o na chuir e so ’n gniomh air talamh, ’s ann ris gu h-àraidh is còir dhuinn a phobul a thaiceadh. San 3. Tha e ga’n taiceadh re Spiorad na sìth. ’Nuair a chaidh Criosd suas do Neamh, reir a gheallaidh, chuir e ’nuas an Spiorad, chum a shlàinte a chur ra’n anamaibh. Mar so labhair e fein r’a dheisciobuil, ach an Coimhfhurtoir, an Spiorad Naomh, a chuireas an t-Athair uaithe a’m’ ainm-se, teagaisgidh e dhuibh na h-uile nithe, agus cuiridh, e ’n cuimhne dhuibh gach ni, a labhair mise ruibh. Ach tha ’n Spiorad ni ’mhàin g’ar teagasg, ach mar an ceudna a’ cuideachadh ar n’anmhuinneachd, a’ toirt sòlais ’n àm triobloid, gar deanamh tarbhach ann an deagh oibre, agus gar n’ullachadh fa chomhair glòir. Tha e air innseadh dhuinn gu soilleir ann an Soisgeul na sìth, gu bheil an Spiorad a’ deanamh na’n nithe so, agus uime sin tha e cubhaidh, gu’m bitheadh creidmhich air an [TD 421] taiceadh ris. O na tha ’n Trianaid do ghnàth ag oibreachadh le meadhonna, tha Pol anns an 2. Ga’n taiceadh re focal gràis Chriosd. Tha focal De, mar a tha Daibhidh a’ labhairt, na Lochran d’ar cosaibh, agus na sholus-iùil d’ar ceumanaibh, anns an t-slighe, a tha sdiùradh chum Neamh. Agus tha ’n t-Abstol Pol ag radh, gu bheil focal De tarbhach chùm teagaisg, chum cronnachaidh, chum leasachaidh, chum oilean ann am fìreantachd; chum’s gu’m bi òglach Dhe coimhlionta, làn-dheas air-son gach uile dheagh obair. O na bha focal nan gràs na inneal, chum math a dheanamh da’n anamaibh, tha ’n t-Abstol ga’n taiceadh ris mar charaid. ’S ann le fhocal, a tha Criosd a’ toirt solus d’ar n’inntinn, dusgadh d’ar coguisean, neart d’ar cridheachan, agus sòlas d’ar n’anamaibh. ’S ann trid an fhocail, a tha sinn a’ faotain eolas, creidimh, agus fior-naomhachd; agus uime sin, ’s còir dhuinn a rannsachadh le cùram, agus a thasgaidh le gràdh ’nar cridheachan. O na tha gach nì, ’s còir dhuinn a chreidsin agus [TD 422] a dheanamh, gach ni a thachras dhuinn air talamh, agus ann an saoghal eile, air an taisbeanadh am focal De, ’s coir dhuinn gu taingeil eolas a ghabhail air, mar charaid. ’S mòr a bheireadh ar sinnsir air son focal gràis Chriosd, agus comas feum, le sith, a dheanamh dheth. Ann àm buaireadh no triobloid, glacamaid do ghnàth cloidheamh an Spioraid, agus iarramaid gràs o Chriosd. ’S iad so ar cùltaic, Criosd agus fhocal, fiosraichimid anns an II. C’arson a thaic an t-Abstol a phobul riu. Tha deagh reusain air an toirt air son so, a dhruitheas gu h-ullamh air gach fior-Chriosduigh. Tha iad an 1. Comasach air ar togail suas. Do thaobh natuir, tha ’n cinne-daonna, mar làthrach tighe, air a thilgeadh sios le stoirm a pheacaidh. Anns an staid so, tha gach earran do’n tigh air a thilgeadh bùn os cionn, agus gu tur roimhe cheile. Ceart [TD 423] mar so, tha gach earran do natur an duine anis am mi-riaghailt, tha a’ mhaise agus onoir air an tilgeadh gu làr, leis a pheacadh. An tigh so, a leag am peacadh, ’s urrain Criosd, agus tha e toileach, a thogail suas, le focal a ghràis, agus eadhon a dheanamh na Theampull do’n Spiorad Naomh. Tha Pol ag radh Col. ii. 6, 7. Uime sin, mar a ghabh sibh ris an Tighearn Iosa Criosd, gluaisibh ann, air dhuibh bhi air bhur freumhachadh, agus air bhur togail suas annsan, agus air bhur daighneachadh sa’ chreidimh, a reir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann, le breith buidheachais. Mar a tha leanabh a fàs gu inbhe duine, le cùram, lòn agus saothair; ceart mar so, le gràs agus Spiorad Chriosd, tha creidmhich anmhunn a’ teachd ann an danachd a chreidimh, agus eolais mhic Dhe, chum duine foirfidh, chum tomhas àirde lànachd Chriosd. Le gràs làtheil fhaotain o Dhia, tha creidmhich a’ fàs ann an eolas, creidimh, gràdh agus fior-naomhachd; agus tha focal nan gràs a leughadh, agus eisdeachd, na mheadhon àraidh, chum an togail ’suas. Tha Criosd anns an [TD 424] 2. Comasach air oighreachd a thoirt dhoibh. Ged nach urrain neach sam bith duais a chosnadh, na seirbhis na’s fhearr a thoirt do Dhia, no a tha dligheach uaithe, gidheadh tha Dia gu saor a’ gealtuin duais, tha nach bi ar saothair diomhain anns an Tighearna. ’S iomadh meadhon a tha daoine a’ gnàthachadh, ’s mòr a tha iad a’ deanamh agus a’ fulang, chum oighreachd thalmhaidh fhaotain. Tha oighreachd, stòras, agus gach ni eile ’san t-saoghal so, mealtach, truaillidh agus bàsmhor. Cha ’n ann mar so a tha duais cairdean Chriosd; gheibh iadsan oighreachd neo-thruaillidh, neo-shalach, agus nach searg gu brath as; agus tha i air a coimhead anns na Neamhaibh dhoibh. Tha creidmhich eadhon ’nan oighreachan air Dia, agus ’nan coimh-oighreachan maille re Criosd; ’s leo na nithe ata làthair, agus na nithe ata chum teachd; agus bithidh iad gu siorruigh maille ris an Tighearna. Gach onoir, gach sòlas, gach sith, is urrain an natur naomha a mhiannachadh, gheibh iadsan fa dheoigh ann an Neamh. [TD 425] Agus gheibh iad an oighreachd so anns an 3. Maille ris na naoimh ann an Neamh. ’S taitneach an ni deagh chuideachd, deagh choimhearsnaich agus deagh chairdean; agus ’s mòr a tha daoine a’ deanamh, chum so a mhealtuin. ’S ann o’n pheacadh, a tha a sruthadh sannt, mi-rùn, agus corruich, mathair-aobhair coimhstrì, agus tuasaid a measg dhaoine. Ach ann an tir na naomhachd agus na sìth, bithidh daoine gu tur air an saoradh o gach ni a dhuisgeas corruich agus aimhrèite? ’N sin bithidh gach inntin làn do sholus, gach cridhe làn do chairdeas, gach anam làn do shìth agus aoibhneas, agus gach beul làn do chliu an Athar agus an Uain. Mar a bhitheas an communn Neamhaidh gu leir saor o gach gnè pheacaidh, bithidh iad do ghnàth a’ meudachadh eolàs, gràdh, aoibhneas agus sonas a cheile. Tha iad air an àm a’ faotain roi-bhlassadh air an t-shòlas Spioradail, a mheallas iad fa dheoigh ann an communn nan Naomh. Ach tha sibh air teachd, arsa Pol, chum sliabh Shion, chum caithir an [TD 426] De bheo, an Ierusalem Neamhaidh, agus chum communn do-aireamh do ainglibh, chum coinneamh choitchionn agus Eaglais a cheud-ghin, ata scriobhta anns na Neamhaidh, agus chum Dhe breitheamh nan uile, agus chum Spioraidaibh nam firean air an deanamh foirfe, agus chum Iosa Eidar-mheadhon-fhear a chumhnanta nuaidh. Gach neach a tha air an togail ’suas, mar àite-comhnuidh iomchuidh do’n Spiorad, maille ris a chommunn naomha so, meallaidh iad an oighreachd neo-bhàsmhor, gu saoghal nan Saoghal. FOGHNADH. Mar so nochd mi dhuibh, co ris a thaic Pol Criosduighean Ephesus, agus c’arson a rinn e so. B’aithne dha-san gu math staid pobull a bhaile, sin, gu’n robh an naimhde Spioradail cumhachdach, lionmhor, agus gu’n robh iadsan aimideach, anmhunn. O na tha sinne san staid cheudna, tha feum againn a bhi air ar taiceadh re Dia, agus re focal a ghràis, chum a bhi air ar dion agus air ar sdiùradh, gu tearuinte, ann an slighe na bea- [TD 427] tha. Tha laithaireachd agus coghnadh Dhe do ghnàth feumail, agus as eugmhais gràs Chriosd, cha’n’urrain sinn ni math sam bith a dheanamh. Tha focal De air a shearmonachadh na mheadhon àraidh slàinte; agus ’nuair nach ’eil cothrum againn rè ùine eisdeachd ris, ’s còir dhuinn a leughadh, leis an tuilleadh cùram. Romh. x. 14, 15. Anis o na se rùn taitneach ar cridhe, gu’m bi gach aon agaibhse air an tearnadh; agus gu’m bi sibh air bhur togail ’suas, mar theampull do Spiorad De, chum oighreachd ghlòirmhor, agus communn nan Naomh a mhealtuin gu siorruidh, tha sinn g’ar taiceadh re Dia, mar Athair bhur Spioraid, agus mar bhun-stèidh bhur sonais. Tha sinn g’ar taiceadh re Criosd, àrd-bhuachaile an treud, da’n aithne bhur staid agus bhur n’uireasbhuidh; agus a tha do ghnàth ullamh, chum a ghràs a dheanamh foighainteach air bhur son, agus a neart foirfe ’nar n’anmhuinneachd. Tha sinn g’ar taiceadh re Spiorad na sith, a chuir Criosd o neamh na àite, chum neart agus sòlas a thoirt d’ar n’anamaibh. Tha sinn g’ar [TD 428] taiceadh re focal De, ris gach meadhon agus òrdugh eile, a shuidhich Criosd na Eaglais, agus a’ guidhe oirbh feum glic a dheanamh dhiu. Maille re so deanaibh faire agus ùrnuigh, chum’s nach tuit sibh am buaireadh, agus mu bhitheas sibh firinneach gu bàs, gheibh sibh gu cinnteach crùn na beatha. CRIOCH.