[DA 1] THE POEMS OF OSSIAN, IN THE ORIGINAL GAELIC, WITH A LITERAL TRANSLATION INTO LATIN, BY THE LATE ROBERT MACFARLAN, A. M. TOGETHER WITH A DISSERTATION ON THE AUTHENTICITY OF THE POEMS, BY SIR JOHN SINCLAIR, BART. AND A TRANSLATION FROM THE ITALIAN OF THE ABBÈ CESAROTTI’S DISSERTATION ON THE CONTROVERSY RESPECTING THE AUTHENTICITY OF OSSIAN, WITH NOTES AND A SUPPLEMENTAL ESSAY, BY JOHN M‘ARTHUR, LL. D. PUBLISHED UNDER THE SANCTION OF THE HIGHLAND SOCIETY OF LONDON. MAGNA EST VERITAS ET PRÆVALEBIT. VOL. III. LONDON: PRINTED BY W. BULMER AND CO. CLEVELAND-ROW; SOLD BY G. AND W. NICOL, BOOKSELLERS TO HIS MAJESTY, PALL-MALL; CREECH, BELL AND BRADFUTE, CONSTABLE AND CO. EDINBURGH; AND ARCHER, DUBLIN. 1807. [DA 2] [Blank] [DA 3-4] CONTENTS OF THE THIRD VOLUME. [Beurla] [TD 1] TEMORA. CARMEN TERTIUM. [TD 2] [Blank] [TD 3] [Laideann] [TD 4] TIGHMORA. DUAN III. v. 1-17. CO esa mu ghorm shiubhal Lubhair? Co fo lùbadh crom-charn nan ruadh, Ard ag aomadh ri craoibh o chùlaobh, Reub osag an dùbhra nan cruach? Co th’ ann ach Mac Chumhail an treun, Tha lasadh measg deireadh nam blàr? Tha ’liath chiamh air osaig o bheinn, E tarruing garbh Luno nan lann. Tha ’shùile garg air leirg Mhoiléna, Air nàimhdibh treun tha gluasad ciar. An cluinn thu guth an righ ag éirigh, Mar bhriseadh treun nan sruth o shliabh, ’Nuair a thig iad o fhuaim nan cnoc Air raon tha fo sheacadh na gréine? Garbh chearbach a thearnas an nàmhaid, Shìl Shelma nan crann, bi suas; Bithibhse mar scòrr ar talmhuinn [TD 5] [Laideann] [TD 6] An ciar shlios fo charradh nan àld. Gath sòlais air m’ anamsa féin Mi faicinn nan treun a’ m’ chòir; An uair is lag an nàmhaid thall Cluinnear osna o spairn mo chléibhe: Tha m’ eagal mu ghluasad a’ bhàis Air a’ chliu so tha snàmh mo dhéigh. Co tharngeas gu còmhrag an lear, Gu Alnecma nam feara treun? ’S e m àmsa féin garbh àm a’ chunnairt; An sin a dhealras guineach mo lann: Mar sin a rinn iad féin o shean O Threunmor, fear riaghlaidh nan gaoth; Mar sin a thearnadh sìos gu lear Mòr Thràthal fo ghormadh nan sgiath. Grad aomadh nan triath gus an righ, Gach ciar dhiubh a’ strì mu ’n bhlàr Le iomradh nan gnìomh an robh brìgh, Gach sùil ag iadhadh mu Eirinn gu mall. Ach fada roimh na seòda treun Sheas mac Mhorni nam beum cruaidh; An sàmhchair sheas an gaisgeach féin. Co nach cuala mu fheum o Ghall? Anam mòr fo dhealradh nan gnìomh, A gharbh làmh gu dìomhair m’a lann, An lann a thug e o Shrumon suas, ’Nuair a cheileadh o chruadal Morni Sheas Fillean o Shelma thall [TD 7] [Laideann] [TD 8] Air sleagh am measg falbhan a chiabh. Tri chuairt thog e shùile mall Air Fionnghal an spairn o chliabh. Shìolaidh sìos gun bhrìgh a ghuth, Cha robh Fillean fo dhubhadh nam blàr. Ghrad-shìn e thall a cheum, Is sheas e fo bheud thar sruth, A dheoir a’ dlùtha gu tiugh m’a ghruaidh. O àm gu àm a bhuail fo ’shleagh Liath chluaran nam magh le ’chrann. Cha robh e gun fhaicinn do ’n righ, ’S e sealltuinn o thaobh a shùla. Chunnaic a mhac féin fo strì Na sòlais bha dìreadh ’na urla. Thionndaidh e measg anam mhòir An sàmhchair gu Mòra nan ùr-choill’; Cheil e a dheoire fo ’chiabh. An sin chualas o thriath an guth. “A cheud mhic Mhorni nan cruaidh lann, A charradh nan carn fo stoirm, Tarruing mo chòmhrag gu blàr Mu shinns’re nan sàr ’s mu Chormac. Cha mhaide balachain do shleagh, Cha dhearrsa gun seagh do chruaidh. Mhic Mhorni nan garbh each sa’ mhagh Faic do nàimhde; air d’ aghairt, is buail. Fhillein, seallsa air an triath, Nach robh riamh an còmhrag mall; [TD 9] [Laideann] [TD 10] Ach cha las a mhòr anam gu thrian An ard charraid nan sgiath garbh: Fhillein, seallsa air an triath, Tha cho làidir ri Lubar o shliabh Gun chobhar, gun trian gàire. Air Mòra nan nial air faire Chi Fionnghal o ’n aird an strì. Bi-sa, Oisein, ri làimh d’ athar Aig sruth tha ’g a chaitheadh o bheinn. Fàgaibhs’ a bharda, am fonn; Gluaiseadh Selma gu lom a chòmhnaird; ’S e mo dheireadh lear a th’ ann; Cuiribh dearrsa nach gann sa’ chòmhrag.” Mar mhosglas suas gu grad a’ ghaoth Na garbh aomadh air faobhar a’ chuain, ’Nuair a thogas an dorchadas baoth Faoin thanas air taomadh nan stuadh Thar Innis nan cruaidh leac, Innis dubh-chòmhnuidh do cheò ’S an doimhne mhòir an ciar nam bliadhna; Cho fuasach ri sin am fuaim Bha ’g éirigh o shluagh air an raon. Bha Gall le ’cheumaibh ard air ceann, Liath dhearrsa nan àld fo ’leumadh; Thog na barda fonn r’a thaobh; Bhuail e o àm gu àm an sgiath. An truscan na h-osaig o shliabh Chluinnte gu ’thrian am fonn. [TD 11] [Laideann] [TD 12] “Air Cròna,” so mar thuirt na baird, “Brisidh sruth o ard na h-oidhche Atadh an iadhadh nan àld Gu dearrsa na madainn is soillse; ’N sin thig e gu h-ìosal o charn Le cragaibh nan ceud crann a’ boillsgeadh. Biodh mo cheuma fada o Chròna; Tha ’m bàs a chòmhnuidh uime féin. Bithibhse mar shruthaibh o Mhòra, Shìl Mhòirbheinn is dorcha nial. Co tha ’g éirigh o charbad Chlùtha? Tha ’m monadh a dùbhradh roimh ’n righ, A chiar choill’ a freagradh ri fuaim, Ri dealan a chruaidh’ a’ boillsgeadh. Faic e measg a nàimhde treun, Mar thanas nan leum colgach, A sgapas na niala o bheinn; Is e marcachd air steud na fiar ghaoith? Co ach Morni nan eacha srann? Bi-sa mar d’ athair, a Ghaill. “Tha Selma fosgailt fada thall, Làmha baird a’ crith mu chlarsaich, Deich gaisgich le daraig o ’n aird Talla farsaing bu shàr fleagh. Tha dearrsa gréine air an t-sliabh Stuadh osaig gu ciar air an fheur. C’ uim tha thus’ a Shelma, cho sàmhach? Tha ’n righ a’ tighinn a nall le’ chliu. [TD 13] [Laideann] [TD 14] Nach fhuasach garbh fhuaim na strì? Tha glaine na sìth m’ a ghruaidh. B’ fhuasach garbh fhuaim na strì, Ach thilleadh an righ le buaidh. Bi-sa mar d’ athair, Fhillein.” Ghluais iad fo chaoin fhonn nam bard; Bha ’n airme air ard a’ gluasad Mar luachair nan raon san fhoghar, A ghéilleas fo aghaidh nan gaoth. Air Mòra sheas an righ fo chruaidh; Bha ’n ceò a’ cur suas m’a sgéith, ’S i ceangailt’ ri geug nan cruach Air cragan dubh-ruadh Chormuil. An sàmhchair sheas mi fhéin r’a thaobh Mo shùile claon ri coille Chromla Air eagal gu ’m faicinn air raon Sluagh an comhstri nach faoin còmhrag, Bhiodh m’ anam a’ leum sa’ chath, Mo leth-cheum romham air an t-sliabh. Bha dearrsa m’ an cuairt o mo chruaidh; Bu choltach mi ri sruth o Thromo, A chuireas gaoth lom fo ’eigh An truscan ciar na h-oidhche. Chi balachan sud air an ard Glan fo dhearrsa tlàth o ’n ear; Tionndaidh’s e chluasa ’na cheann Gun iongantas gann m’ an t-sàmhchair. Cha ’n ann ag aomadh thar an uild [TD 15] [Laideann] [TD 16] Bha Cathmor mar ard òige, ’Nuair chlosas caoin shìth an raon. Ghluais esan an còmhrag a nall, Mar stuadh ciar ard o mhòr chuan. ’Nuair chunnaic e an righ air Mòra, Mhosgail anam na mòrchuis gu h-ard. “Am buail righ Atha fhéin am beum, Gun ard righ nan treun san raon? Fholdaith, gluais mo chairde gu feum; ’S gath teine thu féin nach ’eil baoth.” Ghluais a mach Foldath o Mhòma Mar nial, truscan còmhnuidh nan taibhs. Tharruing e mar theine fo bhuaireadh Lann chruaidh o chruachann a thaoibh, Is dh’ iarr e do chòmhrag gluasad H-uile cinneadh gu luath san fhraoch; Mar stuaidh dhruimionn ghlas dol suas, Thaom ard neart nan sluagh air an raon. Bu mhòrchuiseach garbh a cheum fhéin, A dhearg shùil fo fheirg ’s i claon. Ghairm e triath Chormuil o ’n Dùn Ratho nan tùr; is chual e. “A Chormuil, tha ’n t-aisre fo ’d shùil; Sud uain’ i air chùl an nàmhad; Cuir do ghaisgeacha treun a null, Eagal Shelma fo smùir ar fàgail Is gu’ n caisgeadh mo lann o chliu. A bhaird Eirinn a’s uaine snuagh. [TD 17] [Laideann] [TD 18] Na éireadh guth ri cluais le dàn, Sìol Mhòrbheinn a’ tuiteam mu ’n stuadh Gun fhilidh, gun luaidh, fo lann, Droch naimhde thréin Chairbre o thuath. Tachri air fear astair, fo chiar, Dubh cheathach nan sliabh air Léna, Mu ’n taibhse fo ghiulan a triall, Mu lochan nan liath-chuile ag éirigh. Gu siorruidh cha tréig iad an talamh, Gun fhonn, gu talla nan gaoth. Cormul a’ dorchadh is e siubhal; A chinneadh a’ dubhadh air a chùl: Thuit iad sìos fo chraig na bruthaich. Thuirt Gall ri Fillean òg o Shelma, A shealladh falbh gu mall an déigh An dubh-shùilich thalmhaidh o Ratho; “Am faic thu ceuma Chormuil thall? Biodh do ruighe-sa garbh is làidir; ’Nuair a chuireas tu ’n triath sin air chùl, Thig air d’ ais as-ur do Ghall, An so tuiteam sìos sa’ chòmhrag Measg choi’-thionail mhòir nan sgiath.” Ghluais comhara truagh a’ bhàis, Fuaim fhuasach fhàs sgéith Mhorni. Thaom a ghuth o Ghall. Air ard Dh’ éirich Fionnghal an carn Mhora. Chunnaic e iad o thaobh gu taobh Ag aomadh mar aon an còmhrag. [TD 19] [Laideann] [TD 20] Dearsadh air a dhubh charn féin Sheas Cathmor o cheud sruth Atha; An dà righ mar thanasaibh speur A’ seasadh leo féin air dà nial, ’Nuair thaomas iad a mach a’ ghaoth Togail stuaidh baoth a’ mhòr chuain, Na gorm thonna ’g aomadh ’nan còir Le comhara lorg nan torc, Iadsa sàmhach dearsadh thall Gaoth togail gu mall an ceò-chiabh. Gath dealain an airde nan speur! Co e féin ach treun lann Mhorni? Tha ’m bàs air ciar astar do dhéigh, A ghaisgich nan geur bheum an còmhrag, Thu trusadh nam fear an cearb d’ fheirge. Mar òg chrann a bhuaineadh o bheinn Le h-uile gheug féin r’a thaobh, Thuit Turlath, uchd arda nam buadh, A bhean ghasda, an aislinge faoin, A’ sgaoileadh aig baile a làmha, A ruighe bàn do thilleadh an triatha, ’S i fo chadal an iomal nam mòr shruth Measg falbhan a troma chiabh. ’S e ’thanas a th’ann, Oighchaomha; Ghabh do ghaisgeachsa còmhnuidh air làr. Na éisd-sa ri gaothaibh nan stuadh; Na gabh iad mar fhuaim o ’sgéith, Aig a shruthaibh chaidh ’briseadh fo airm; [TD 21] [Laideann] [TD 22] Ghluais thairis a toirm a chaoidh. An sìth cha robh Foldath ’s a’ làmh’; Bha e ’g iadhadh ’s a’ snàmh am fuil. Thachair Conall ris anns a’ bhlàr Cur ma seach cruaidh lanna is fuaim. C’ uim a chitheadh mo shùile na triath? Tha thu, Chonnaill, fo liath nan ciabh. Caraid nan coigreach a bh’ ann, ’N Dunlòra nan carn caoinich, ’Nuair a thrusadh na speura sa’ ghleann, Bhiodh fleagh gun bhi gann sgaoilte; Chluinneadh sìol coigrich a’ ghaoth, An sòlas nach faoin m’ an bhord. Mhic Charthuinn nam buaidh lann, C’ uim a shìn thu féin thall am fuil? Tha aomadh craoibh sheacai mu d’ cheann; Tha teann ort sgiath nach ’eil slàn; Tha do dhearg-fhuil air uisge nan sliabh, Fhir bhrisidh nan sgiath àillidh. Thog Oisian a shleagh am feirg; Ghluais Gall thar an leirg gu Foldath; Chaidh lagaich ma seach o thaobh; Bha ’shealladh nach faoin air Mòma. Thog na triaith sleagha riabhach a’ bhàis Gun fhaicinn gun dàil thàinig iuthaidh; Grad ghluais i do Ghall ro’ a làimh; Air talamh thuit a lann le fuaim. Og Fhillean fo gharbh sgéith Chormuil [TD 23] [Laideann] [TD 24] ’Ga sgaoileadh mòr fa chòir an triath’. Chuir Foldath suas a sgairteachd gheur A mhosgladh gu feum an raon, Mar osaig o fhaobhar nam beann, A thogas na lasaire mall Mu Lumon nan crann fuaimear. “Mhic Chlatho nan gorm shùl mall, Og Fhillein,” thuirt Gall, “thu fhéin Gath teine nan speura ard, A thuiteas air ciar chuan nam beuc ’S a cheanglas suas sgiatha nan stoirm; Thuit Cormul fo do lann gu ’chùl. Is og tha thu ’n cliu do shinns’re. Na gluais-sa cho grad, a thriath, Gun chobhair o m’ sgéith no m’ shleagh. Tha mise mar dh’ air an t-sliabh; Ach éiridh air ard mo ghuth; Cluinnidh sìol Shelma am fuaim, Bidh ’n cuimhne air buaidhe dh’ aom.” Ghluais a ghuth air gaoith nan carn; Bhuail a shluagh gun dàil an cath; Is minic a chual iad e féin An Sruthmon nan treun san t-seilg, ’Nuair a ghairm è gu dearg is ruadh. Sheas e ard am measg a’ bhlàir, Mar dharaig an sgàile nan stoirm O àm gu àm an truscan ciar; Air uairibh feuchainn a liath cheann: [TD 25] [Laideann] [TD 26] Tionndaidh’ ’n sealgair a shùil gu h-ard O chaolrath nan àld ’sna luachair. Tha m’ anam do dhéigh-sa, Fhillein, Troimh astar glan caol do chliu; Tha thu ’g ioman nan nàimhde do chòir; Treigidh Foldath, ge mòr e, an lear. Ach thuit an dubh oidhche fo nial; Chualas stoc Chathmhòir fo fhuaim; Chuala Selma guth o ’n righ O Mhòra nam frìth fo cheò. Thaom na baird am fonna féin Mar dhealta air tréigeadh a’ bhlàir. Co thigeas o Shruthmon nan âld Am measg falbhan nan àill’ chiabh, ’S i brònach le ceumaibh mall A gorm-shùil a nall gu h-Eirinn? C’ uim tha Emhir chaoin fo bhròn? Co tha coltach ri mòr nan cliu? Théiring e sìos anns a’ chòmhrag; Thill mar chòrr theine nial; Thog e ’lann dhubh-ghorm am feirg; Shiòlaidh iadsa fo mheirg o Ghall. Tha sòlas, mar aiteal o ghleann, A’ tigh’ nn a nall mu ghruaidh an righ; Tha chuimhne mu chomhrag’ o shean, Mu laithibh beuma treun a shinns’re, ’S e faicinn a mhic fo chliu. Mar shòlas o ghréin gun nial, [TD 27] [Laideann] [TD 28] ’S i coimhead sìos air craoibh a ghluais Fo dearsa suas air gruaidh nan sliabh, ’S i crathadh ’na h-aonar a ceann O thaobh nan gleann; mar sin bha ’n righ Fo shòlas mu Fhillean a mhac. “Mar shiubhal an torruinn air sliabh, Raon Làra fo chiar is sàmhach, Mar sin a bha ceuma Shelma Taitneach is garbh do mo chluais. Bha forum mòr thilleadh nan triath Mar iolair gu ciar nan carn ’N déigh reubadh na faoibh air sliabh, Donn shìola nam fiadh san aird. Tha sòlas bhur sinns’re san nial, A chlann nan sruth liath o Shelma.” B’e so guth oidhche nan caoin bhard Air Mòra cruachan ard nan ruadh. Ghluais boillsge o cheudaibh daraig, A bhris ’s a tharruing gaoth o Chormul. Bha cuirm is fleagh sgaoilte air thalamh; Shuidh gaisgich fo fhaileus an airme. Bha Fionnghal an sin fo a neart, Sgiath fìor-ian m’a bheart a’ fuaim Caoin osag’ a’ bualadh o ’n iar, A’ siubhal gu ’n trian ro’ ’n oidhch. Is fhada sheall an righ m’ an cuairt; ’N sin thogadh leis suas a ghuth. “Tha m’ anam fo chall do shòlas, [TD 29] [Laideann] [TD 30] Mi faicinn briseadh mòr mo chairde. Tha aomadh craoibh bu mhòr, gu làr, Is thaom a’ ghaoth gharbh mu Shelma. C’ àite triath Lòra nan dùn? C’ uim bhiodh Connal air chùl aig fleagh? C’ uin a dhì-chuimhn esa dàimh Measg forum a shàir thalla? C’ uim tha sibh sàmhach a’ m’ fhianuis? Cha tuit thu, Chonaill, sìos ni ’s mò! Tachradh sòlas ri d’ anam, a thriath, Mar dhearsa o ghréin a’ soillseadh. Gu ma luath do thriall gu d’ ’shinns’re Measg torrunn gun ìsleadh na gaoith. Tha d’ anam, Oisein, mar ghath dealain; Soillsich suas cuimhne an righ. Mosgail a chòmhraga an gleannaibh, ’Nuair a ghluais e ’n toiseach gu strì. A Chonaill, bu liath do chiabha féin; Bha d’ òige, a thréin, measg m’ òige: An aon là chuir Carthonn gu beinn Ar bogha gu leum nan ruadh Gu Dunlòra nam baoth stuadh.” “Is iomadh,” thuirt mi fhéin, “an dàn, Ar n-astara nall gu Eirinn, Innis aill’ nan ceud gleann uaine. Is tric a thog sinn suas na seoil Air stuaidh nam mòr shiubhal gorm, ’Nuair thàinig sinn an laithibh a dh’fhalbh, [TD 31] [Laideann] [TD 32] Le cobhair gu garbh shliochd Chonair. Mhosgail strìtha ard nam fuaim Air Alnecma nan cruacha deas, Aig siubhal Duthùla nan stuadh, Faoin chobhar a gluasad fo eas. Le Cormac théiring sìos gu blàr Dubh-carthonn, an sàr o Shelma. Cha ’n ann leis fhéin a théir’ng an triath; Bha Connal an ciabh òige A’ togail f’a chòir a shleagh. Fo d’ fhocal-sa ghluais iad gu strì Le cobhair gu righ na h-Eirinn. Mar gharbh neart briseadh o mhòr chuan Thionail Bolga gu cruaidh chòmhrag, Colc-ullamh ard cheannard nan sluagh, Triath Atha nan stuadh gorma. Thaom iad cath sa’ chéile air raon: Las Cormac an taobh na strì Glan mar chruthaibh a shinns’re féin. Ach fada fear cobhrach an righ Ghearr Carthonn nam frìth na nàimhde. Cha do chaidill làmh Chonaill ri taobh A mhòr athar air aomadh nan sliabh. Ach choisinn Colc-ullamh an raon. Mar cheò a tha taomadh ’s a’ triall, Theich a ghaisgich o’ n triath Cormac. Las claidheamh Dhubh-charthuinn fo bhuaidh; Las Conall fo chruaidh is sgéith mhòir, [TD 33] [Laideann] [TD 34] Chuireadh fasgath air cairdibh fo ’n ruaig, Mar charraig’ air chruaich nan scòrr, ’S an ceanna fo ghiuthas a’ fuaim. Thuit oidhche air Duthùla nan sìan; Ghluais sàmhach na triaith air an raon, Garbh shruth o na cruachaibh dol sìos; Cha robh Carthonn gu ’thrian ri leum. ‘C’ uim a sheas thu m’ athar féin? Tha mi cluinntinn nan treun air chùl.’ ‘Teich, a Chonaill, teich o ’n raon; Tha mo neartsa gu faoin is fann; Fo lota thréig mi am blàr; Leig sìthàimh do shàr an oidhche.’ ‘Cha bhi thu ’n a d’ aonar,’ thuirt Conall, Measg dòghruinn is dorran a chléibh; ‘Mar sgéith na h-iolair tha mo sgiath Eadar cunnart an triaith’ ’s a naimhde.’ Chrom e thar athair an dùbhra, Dubh-carthonn nan cliu fo shuain. Mhosgail là, is thuit an oidhch; Cha robh bard ann an soillse air sliabh, A cheuma fo iadhadh a smuainte. Cia mar thréigeadh Conall an uaigh, Gun a chliu bhi fo luaidh nam bard? Chrom e ’m bogha air àros nan ruadh, Fleagh dhìomhair mu chruachaibh nan carn. Seachd oidhche leig e cheann air uaigh; ’Na aisling fhuar bha athair treun [TD 35] [Laideann] [TD 36] An cearb nan dubh osag gun tuar, Mar cheò a’ dol suas o Légo. Ghluais ceuma Cholgair a null, Bard Thighmòra nan ard fhuaim. Fhuair Dubh-carthonn nan lann a chliu ’S e dealradh air gaoith a thuar.” “Is taitneach,” thuirt an righ, “dhomh fhéin Ard chliu nan treun air cheann nan triath, Dha ’m bi bogha gu làidir am feum, ’Nuair a thaisicheas bròn iad gun fhìamh. Mar so fhéin biodh m’ ainm fo chliu. ’N àm gluasad o thùr nam bard Dealradh glan air m’ anam ’s e ’g éirigh. A Charuill, chinn-fheadna nan lann, Gabhsa bard, is tog an uaigh. An nochd biodh Conall fo phràmh ’N a thigh caol gun leus an suain: Na biodh anam na gairbh thriaith Air seachairean an ciar nan gaoth. A’ priobadh gu gann air Moiléna Chithear solus o ’n ré am measg chraobh’, Tha ’g aomadh o thaobh nan gleann; Tog clachan fo bhoillsge tha fann, Dhaibhs uil’ a thuit thall sa’ bhlàr. Cha bu thriaith iad fhéin; ach bha ’n làmh Co làidir ’ri trein anns a’ chath. B’ e mo neart iad an cunnart nan lann; Mo charraig an àm nan gath, [TD 37] [Laideann] [TD 38] Am monadh air an d’ éirich suas Sgiath fhuaimear iolair mo chliu. ’S iadsa thog dealradh do bhuaidh; Na dì-ch’nich, a Charuill, an ùir.” Labhar o làn cheud do bhard Dh’ éirich ard marbh fhonn na h-uaigh. Ghluais Carull rompa air a’ charn; Mar thoirm o shruth aonaich tha ’m fuaim A’ taomadh m’a cheum ’s e triall. Bha sàmhchair an gleannaibh Mhoiléna, Gach aon dhiubh fo iadhadh nan àld Siubhal eadar na h-arda ciara. Bha m’ aomadh-sa thall thar mo sgéith, Gutha tairis o thriall nam bard; Fonn a’ sìoladh o ’n ceumaibh gu thrian. Bha m’ anam a’ lasadh gu h-ard, Leth-dheanta na focala trom A’ briseadh nam fonn air a’ ghaoith. Mar sin fhéin a chluinneas a’ chraobh An gleannan cumhann nam faoin bheann Guth an eàrraich ag iadhadh m’ a taobh, A duille a taomadh m’ a ceann, ’S a’ fosgladh fo ghathaibh na gréine Crathaidh a geuga ’s i’ na h-aonar, Toirm seillein an aonaich m’ an cuairt: Chi sealgair le sòlas a h-aomadh O sheargadh ’s o mhaoile nan cruach. Sheas Fillean òg ’s e fada thall, [TD 39] [Laideann] [TD 40] A cheann-bheart air làr a’ boillsgeadh, A dhubh chiabh gun trusadh m’ a cheann, Gath soluis, mac Chlatho, a’ soillseadh. Chual e guth an righ le sòlas; Bha aomadh a chòrr thréin air sleagh. “A shàir mhic,” thuirt Fionnghal nan carbad, “Chunna’ mi do gharbh ghnìomh an còmhrag; Bha sòlas air m’ anam gun mhùig. Tha cliu ar sinns’re, thuirt mi fhéin, A’ briseadh o speuraibh nan nial. A mhic Chlatho, tha thusa treun, Ach ro theineal an strì nan sliabh. Biodh do ghaisgich air do chùlaobh; ’S iad do neart air urlar nan gleann. Mar sin cha d’ imich mise riamh, Ged nach robh mi fo fhìamh nàimhde: Bidh tusa fada fo do chliu, Is chi thu ùir is uaigh nan sean. Tha cuimhne na thuit a tigh’nn suas, Gnìomh bliadhna nam buadh a bh’ ann, ’Nuair théiring mi an tùs o chuan Air innis a’s uaine gleann. Bha eisdeachd gach cluais ri a ghuth; Sheall an ré o dhubh nan nial; Bha liath cheò ag éirigh o shruth, Glas chòmhnuidh nan cruth a bha triall.” [TD 41] [Laideann] [TD 42] [Blank] [TD 43] TEMORA. CARMEN QUARTUM. [TD 44] [Blank] [TD 45] [Laideann] [TD 46] TIGHMORA. DUAN IV. v. 1-17. “FO dharaig,” so labhair an righ, “Shuidh mi sìos ri carraig nan sruth, ’Nuair dh’ éirich Conall thall o chuan Le sleagh Charthuinn nan ciabha dubh. Fada uain a sheas an triath A’ tionndadh air sliabh a shùilean. Bha chuimhn’ air athair is a thriall Air monadh fo chiar is uaine. Dhorchaich mi san àite féin, Mo smuainte fo smùir a’ dol suas Air m’ anam mar cheò air beinn. Ghluais romham righre Eirinn thall; Is tharruing mi mo lann gu leth, ’Nuair thàinig na gaisgich a nall Togail sùile gu sàmhach ma seach. Mar nialaibh dubh speura iad féin Feitheamh ri beumaibh beoil o ghuth, [TD 47] [Laideann] [TD 48] Mo ghuth mar ghaoith tha tlàth is treun, Chuireas o speur gach ceò is dubh. ’Sgaoil siuil gheal fo fhocal suas Ri gaoith a bha fuaim o Chòna; Bha tri cheud òig-fhear a’ chuain A’ coimhead cruaidh chopan a’ chòmhraig: Air a chrann an airde bha ’n sgiath Dealradh sìos air domhann nam beuc. ’Nuair thuit an oidhch gu dubh o liath, Bhuail mi cop caismeachd nam beum; Bhuail mi is choimhid mi suas Mu ruadh-chiabh is teine Ul-Eirinn. Cha b’fhada uain reul ùr nan stuadh, A dearg shiubhal gluasad measg nial. Lean mi Ul thaitneach a’ chuain Fo bhoillsgibh fann fuar, is i triall. Le madainn dhruid Eirinn an ceò; Bhuail sinn caladh mòr Mhoiléna, Gorm shiubhal nan uisge fo thòrr, Am meadhon fuaim coille ag éirigh. Cormac ’na thalla dhìomhair féin O neart Cholc-ullaimh, triath’ nam faoibh. Cha ’n es’ a mhàin a theich o ’n treun; Bha Roscranna nam beus r’a thaobh; Roscranna nan gorm-shùil gun bheud, Nighean gheal-làmhach àillidh an righ. Glas, liath is air crann bha gun chruaidh Ghluais suas do mo cheumaibh Cormac; [TD 49] [Laideann] [TD 50] Fìamh gàire air gaisgeach nam buadh, Bha dorran air ’anam is dòghruinn. “Chi mi airm ghailbheach Thréinmhòir; An so féin tha ceuma an righ; Tha Fionnghal mar dhearrsa ag éirigh Air anam bha ciaradh fo strì Is luath thu féin fo chliu, a thriath; Ach ’s làidir treun tha nàimhde Eirinn, Mar fhorum nam mòr shruth o shliabh, Mhic Chumhil nan srian ’s nan carbad.” “Ge mòr iad, theid an taomadh sìos O m’ anam, is e ’g éirigh suas; Cha sìol nan lag ar triathan, A righ do ’m bu ghorm sgiathach sluaigh. C’ uim a bhiodh an t-eagal mall Ag iadhadh dall mar thaibhs fo chiar? Fàsaidh anam nan treun air àm A chinneas nàimhde nach gann air sliabh. Na taomsa gruaim, a righ Eirinn, Air òg a tha ’g éirigh gu còmhrag.” Thuit deura an righ gu làr; Glac e làmh an t-sàir an sàmhchair. “Shìl Thréinmhoir nan garbh ghnìomh fo lann, Cha d’ théid nial uam air dealra do chléibh, Tha lasadh an teine do shinns’re; Chi mi, a righ, do mhòr chliu; Tha comhara do thriall gu còmhrag Mar ghath soluis air ciaradh speur. [TD 51] [Laideann] [TD 52] Ach feith-sa ri Cairbre, a thréin, Mo mhac féin le beum nan lann; Tha e gluasad shìl Eirinn gu feum O shruth nan gleann tha fada thall.” “Thàinig sinn gu talla an righ, Bha ’g éirigh an sìth nan carn; Air an taobh bha ciar shruth nam frìth, Seana chomhara siubhail nan àld, Daraga leathan fo choinneich m’ an cuairt Is na bethe a’ gluasad fo ghaoith. Leth cheilte an coille nan cruach Roscranna thog luaidh nan laoch. Bha ’geal-làmh air clàrsaich thall; Chunnaic mi a gorm-shùil mall Mar ghlan thaibhs an iomairt a’ triall Leth-cheilte an cearb nan dubh nial. Tri lài bha fleagh air Moiléna; Bha annir na beus orm a’ snàmh. Chunnaic Cormac mi dorchadh an Eirinn; Thug e brollach gun bheud do mo làimh. Thàinig i le ’sùilibh caoin Measg chiabhaibh bha taomadh trom: Thàinig i—grad ghluais san raon Colcullamh nach faoin. Thog mi sleagh. Bha dealra mo lainn measg mo shluaigh. Theich Alnecma; thuit nàmhaid gun bhuaidh: Thill Fionnghal fo luaidh nam bard. Is cliùthar, Fhillein, esa fhéin, [TD 53] [Laideann] [TD 54] A bhuaileas beum an neart a shluaigh; Tha na barda le dàn ’na dhéigh An tìr fhada nan treun nàimhde. Ach es’ a bhuaileas cath ’na aonar ’S gann do ’n àm tha aomadh a gnhìomh: Tha e dealradh an diugh mar sholus, Am màireach am brollach a’ bhàis: Tha ’chliu an aon fhonn gu baoth. Tha ainm an aon raon, gun cuimhne Ach sgaoileadh aon uaighe fo fheur.” Mar sin bha focail ard an righ Air Mòra nam frìth ’s nan ruadh. Tri barda o Chormul an sìth Gu taitneach cur sìos an luaidh. Thuit cadal caoin is faoin fo ’n fhuaim, Air garbh chearb nan sluagh fo oidhche. Thill Carull le ’bhardaibh fhéin O uaigh an ard thréin o Dhun Lòra. Cha ruig sanas na maidne an treun Air leabaidh gun leus a mhòir fhir: Mhic Charthuinn nan ciabha ciar, Cha chluinn thusa saltrach’ nan ruadh Ri caol thalla uaigh air chòmhnard. Mar thaomas garbh bhruaillean nan nial Mu sholus roimh chiaradh na h-oidhche, ’Nuair a shoillsicheas iadsa gu ’n trian Air fairge nan sìan a’ boillsgeadh; Mar sin a bha coi’-thional Eirin [TD 55] [Laideann] [TD 56] Mu Chathmor ag éirigh an soillse. Esa ’s aird’ am measg nan triath A’ togail gun chial a shleagh, Mar tha éirigh no tuiteam nam fonn O Fhonnair, do nach lom clàrsach. Teann air, ag aomadh air carraig Tha Sùilmhall bhanail nan gorm-shùil, Nighean Chonmhoir an ùrla ’s glaine, Nighean righ Innis uaine nan tùr. Gu ’chobhair thàinig fo ghorm-sgiath Mòr Chathmor nan triath, a chaisgeadh naimhde. Chunna’ Sùilmhall a thriall An talla farsuing nam fial chlàra, Cha ’n ann gun fhios a dh’ iadh a shùile Air ainnir nan ùr chiabh àillidh. An treas là a bhriseadh o chuan, Thàinig Fili nan luaidh le dàn O shruthaibh is chruachaibh Eirinn. Labhair e mu thogail na sgéithe An Selma nan triath; labhair e Mu chunnart Chairbre, ceann nam Bolg Thog Cathmor a shiuil an Clùba; Bha na gaotha an cùl nan tìr thall. Tri lài bha ’chòmhnuidh air tràigh, A shùile ’g iadhadh mu ard thalla Chonmhoir; Nighean coigrich ’na chuimhne a ghnàth, Bha ’osna ard an còmhnuidh. Fo ùrachadh gaoith air a’ chuan [TD 57] [Laideann] [TD 58] An armaibh o chruaich thàinig òg Thogail lainn fo Chathmor nan sluagh Air raonaibh fo fhuaim a’ chòmhraig, Sùilmhalla nan ruighe geal-làmh ’S i dìomhair fo cheann-bheart do chruaidh, A ceuma an aisre an t-sàir; A gorm-shùil ag iadhadh le sòlas Mu mhòr thriath, ’s a chòmhnuidh m’a shruth. Bu bharail le Cathmor an treun Gu ’n robh ceuma nam beus air Lumon, ’S i dlùthadh air àros nan ruadh; Bu bharail gu ’n robh làmh-gheal thall A’ togail mall a ruighe do ghaoith A’ taomadh caoin o Eirinn aird, Talamh uain a h-annsa féin. Gheall e gu ’n tilleadh e le raimh, Le siuil bhàn gu ’ghràdh fo ghruaim. Tha ’n òigh gu teann ort fhéin, a Chathmhoir, Aig carraig nan clach, ’s i fo chruaidh. Sheas arda nan triath m’ an cuairt, Ach Foldath nan dubh-ruadh fàbhraid. Es’ ag aomadh air craoibh fada thall Filleadh ’anma san àm am mòirchuis, A chiabh ’na gagan an aisre na gaoith’, Fonn òrain ’g a mhùchadh ’na bheul, Bhuail e chraobh an sin le feirg, Grad ghluais e fo mheirg* gus an righ. Sàmhach is mòr aig an ord * Probably mheirghe. [TD 59] [Laideann] [TD 60] Sheas Hidala, an t-òg thriath; Bha chiabha a’ sgaoileadh m’a ghruaidh An imeachd nan dual fo dhearrsa. Bu chaoin a ghuth an Claonrath féin, Gleannan còmhnuidh a thréin shinns’re. Bu chaoin a ghuth ’nuair bhuail e clàrsach An talla ard a’s gàirich sruth. “A righ Eirinn,” thuirt treun le sèimh, “So ùine chur nam fleagh m’ an cuairt; Tog gutha nam barda air magh, Chur siubhal na h-oidhche so uain; Tillidh anam ni ’s géire o ’n dàn Gu comhstri nam blàraibh tuathal. Shuidhich dùbhra o cùl mu Eirinn; O bheinn gu beinn tha aomadh nial Le cearbaibh ciara ag éirigh. Fada thall air thaobh nan sliabh Garbh cheuma nan liath thaibhse, Taibhse na thuit anns a’ bhlàr Ag aomadh gu dàn o ’n sìanaibh. Eireadh o Chathmor na clàrsaich’ Chuireas dearrsa air sàir sa’ ghaoith.” “Fo dhì-chuimhn gach duine tha marbh,” Thuirt Foldath an garbh fheirg, “Nach do ghéill mi gu h-ìosal sa’ bhlàr? C’ uim an cluinneadh leam dàn air an leirg? Cha robh mo shiubhal faoin san strì; Bha lagaich gun bhrìgh ri mo chùlaobh; [TD 61] [Laideann] [TD 62] Theich nàimhde o mo lainn an sìth. An Claonrath nam frìth fo Dhùbhra Togadh Hidala guth clàrsaich, Oigh bhanail o choill’ an tòrr A’ coimhead air òr do chiabha. Fàg Lubar a’s fuaimaire raoin; So tuineas nan daoine fo chliu.” “Righ Eirinn,” thuirt Malthos an triath, “Leat féin-sa tha riaghladh nam blàr; ’S tu teine ar sùile air sliabh, Air monadh tha ciar gu h-ard. Mar osaig do shiubhal thar sluagh; Chuir thu mìlte fo thruaigh am fuil: Ach, ’na d’thilleadh, a thréin le buaidh, Co chuala fo luaidh do ghuth? Tha sòlas nam feargach am bàs; Tha ’n cuimhne a’ tàmh air gach beum, Bhuail an lann gu feum an cath; Tha strì ’g a filleadh féin ’nan cliabh Is cluinnear an cian am mòrchuis. Thriath Mhoma, bha do shiubhal féin Mar chiar shruth a’ leum o ghleann; Bha ’m bàs ag aomadh suas mu d’ cheum. Thog sinn uile gu beud ar lainn; Cha robh sinne gu lag air do chùlaobh; Bha na nàimhde dlùtha is làidir.” Chunnaic Cathmor am fearg ag éirigh, Is aomadh nan treun r’a thaobh, [TD 63] [Laideann] [TD 64] Leth tharruingt’ an lanna gu beumadh, Sùilean sàmhach a’ téimeadh fo phlaosg. A nis a bhitheadh còmhrag garbh, Mar lasadh dubh-fhearg an righ. Rùisg e ’lann mar dhealan oidhche Ri solus is soillse nan crann. “A chlann na mòirchuis,” thuirt an treun, Cuiribh anam fo bheus is smachd; Fo dhorchadh na h-oidhche leibh féin. C’ uim a ghluaiseadh gu beudaibh m’ fhearg? Am bi comhstri mo làimh’ ruibh maraon? Cha ’n àm so, a dhaoine, gu strì. O ’n chuirm sibh mar nialaibh o m’ thaobh; Na mosgladh sibh anam an righ.” Thuit iad sìos o thaobh an tréin Mar dhà mheall dubh do cheò san iar, An uair tha madainn chiuin sa’ bheinn; ’S a sheallas eatorra féin a’ ghrian Glan bhoillsgeadh air chraig nan carn. Dorcha tha ’n aomadh dubhadh thall Gu lòn nan cuilc mall fo ’n tòrr. Shuidh triatha an sàmhchair ri cuirm; Bha ’n sealladh air uairibh mu ’n righ, Gharbh cheuma air eadun a’ chuirn Measg sìtheachadh ’anma o strì. Shìn an sluagh mu thaobh an raoin; Thuit cadal claon air faoin Mhoiléna; Ghluais guth o Fhonnar caoin araon [TD 65] [Laideann] [TD 66] O chraoibh, bha fada thall ag éirigh. Ghluais a ghuth mu mholadh an righ, Ard shìol Larthoinn o fhrìth Lumoin. Cha chualadh le Cathmor a luaidh, ’S e sìnnte fo fhuaim gharbh shruth: Bha forum na h-oidhche ’na chluais, Is caol-fheada nan dual chiabha. Thàinig gu ’aisling a bhràthair Leth-fhaicte troimh fhàs thaoibh a nial. Bha sòlas measg dorchadh a ghàire; O Charull ghluais dàna gu triath; Bha gaoth fo nial bu doirche cearb, Ghlac esa o gharbh uchd oidhche ’S e ’g éirigh o mholadh nan carbad Gu talla nam marbh an soillse. Gu leth am measg aldaibh nam fuaim, Thaom esa gu fuar is fann. “Tach’readh sòlas do d’ anam féin; Chualas caismeachd o threun air magh; Thug am bard an dàn le feum. Tha astar mo cheuma sa’ ghaoith; Tha mo chruth an talla ciar Mar dhealan nan sìan fo fhuath, ’Nuair a bhriseas e claon air sliabh, Stoirm oidhche a’ triall o Thuath. Cha bhi am bard air chall o d’ uaigh, ’Nuair a thaisgear thu suas san ùir. Tha sìol nan dàn mu threin ag luaidh; [TD 67] [Laideann] [TD 68] Tha d’ ainm mar fhuaim o ghaoith tha ciuin. Tha toirme trom a’ bhròin sa’ ghleann; Tha guth tada thall air Lubar. Ni ’s labhra, fhaoin thaibhse nan carn, Bha ’m marbh, nach robh fann, cliùthar. Dh’ at am forum fada mall; Cluinnear osag nan crann araon. Is luath a thuislich thu faoin, a Chathmhoir!” Fillte suas ’na bhaoth chruth fhéin Air garbh uchd nan speur fo ghaoith, Chrith an darag fo ghluasad sa’ bheinn, Fead ag iadhadh gun leus m’a ceann. Chlisg Cathmor o aisling nan ciar; Ghlac e bàs shleagh nan triath ’na làimh; Phlaoisg a shùil air faoin shlios nan sléibh; Cha ’n fhac ach dubh-chearb na sìan oidhche. “’S e guth mo bhràthar fhéin a bh’ ann; A nis cha ’n fhaicear gann a chruth: Gun lorg tha ’ur n-astar sa’ ghleann, Shiol imeachd na h-oidhche fo dhubh. Is minic, mar shoillse ghath speur, Chithear leum air beinn a tha fàs, Sibhse teicheadh air osaig leibh fhéin Roimh ghluasad ar ceumana mall. Gluaisibh, a lagaich, o thréin; Cha ’n ’eil gliocas no feum ’ur dàil, Bhur sòlas cho dona ribh fhéin, Mar aisling gun leus am pràmh, [TD 69] [Laideann] [TD 70] No smuainte fo sgiathaibh tha lom, Ag aisig a null thar a’ chliabh. An tuislich Cathmor féin gu luath Dubh-thaisgte gun tuar an tigh caol, Anns nach éirich a mhadainn o stuadh, A sùilean leth fhosgailt ’s i baoth? As m’ fhianuis, a thanais gun brìgh, Buinidh còmhrag nan righ dhomh féin: As m’ fhianuis gach smuaine ach strì. Mar iolair na frìthe o bheinn Siùbhlams’ a mach air an raon Ghlacadh dealra nach faoin de chliu. An gleannan dìomhair nan sruth mall Fanaidh anam nach sàr fo mhùig; Thig bliadhna is aimsire nall; Bithidh esan a ghnàth fo smùir; An osaig fo nialaibh thig bàs Cuiridh liath-cheann air làr gun chliu: Tha thanas an dùbhra nan carn Ag iadhadh ’s a’ snàmh mu ’n lòn; Cha bhi astar air monadh nan speur, No ’n gleannaibh san treun a’ ghaoth. Mar sin cha teid thu, Chathmhoir, sìos; Cha bhalachan* gun fhiach thu air raon, Tha comhrachadh leabaidh nan ruadh Air cruachaibh fuara nam fuaim ard. Bhuail mi mach am measg nan righ, Mo shòlas am frìth nam fuath, * ba-laochan. [TD 71] [Laideann] [TD 72] Anns am brisear an sluagh le strì Mar ghaoith a tha dìreadh a’ chuain.” So thuirt, Alnecma an treun, Anam dealradh gu beud do ’n triath. Bha treunas mar theine fo leus A glanadh gu feum ’na chliabh. Aill’ is ard a cheum air an raon, Gath soluis no maidne o ear, Liath choi’-thional fhear air an leirg Ag aomadh ’s a’ taomadh an soillse. Bha ’shòlas mar thanas nan speur, ’Nuair a shìneas e cheuma air cuan Is e faicinn nan tonna fo bheus, Gun a’ ghaoth a bhi treun o thuath. Ach togaidh e na stuaidh gun dàil ’G an ioman’ gu tràigh na fuaime. Air bruachan nan luachar thar àld Chaidil nighean an t-sàir o Lumon; Thuit a ceann-bheart o ceann air làr; Bha h-aisling thall ’na tìre féin, An sin a bha madainn air raon; An liath-shruth a’ taomadh o chruaich, Na h-osaga ciara is faoin Dubh-aomadh air faobhar nan stuadh. An sin a bha forum gu seilg, ’N sin gluasad nan triath o ’n talla, Na b’ airde na càch air an leirg Treun Atha nan alda cama; [TD 73] [Laideann] [TD 74] Bha shùil ag aomadh air a luaidh, Sùilmhalla nan cuacha glana; O ’cheumaibh, is e mòr air sliabh, Le mòrchuis thionndaidh is’ a gruaidh Cur a bogha fo thaifeid theann. Mar sin bha aisling fhaoin na h-òigh, ’Nuair a thàinig r’a còir Atha: Chunnaic e gruaidh a b’ àillidh snuagh, Measg siubhal a cuach-chiabha. Dh’ aithnich e òigh o Lumon thall. Cia tha ’n comas do shàr a dheanamh; Dh’ éirich osna; thuit na deoir, Grad thionndaidh e mòr a cheuma, Cha ’n àm so dhuitse féin, a righ D’ anam mhosgladh fo strì dhìomhair; Tha còmhrag a’ taomadh o ’n fhrìth Mar shruthaibh ciara o mhonadh sianar. Bhuail e copan caismeachd a sgéithe, Aite còmhnuidh guth ciar nam blàr. Ghluais Eirinn m’ an cuairt do ’n ard thriath Fuaim sgéith’ iolair riabhaich nan carn. Chlisg òigh o ’caoin chadal ’san uair, Ciabh àillidh m’a gruaidh a’ dol mall; Thog i ceann-bheart o eundan na cruaich. Chrith ise fo thruaigh anns a’ bhall. C’ uim bhiodh fios doibh an Eirinn m’ an òigh, Nighinn Innis nan còrr gheug uaine? Bha ’cuimhne mu shinns’re nan righ, [TD 75] [Laideann] [TD 76] ’S bha h-anam a’ strì fo mhòrchuis. Bha ’ceuma glan air chùl nan carn Aig gorm shruthan nam blàr air chòmhnard; Aite faicinn nan ruadh sa’ ghleann, Seal m’ an d’ thàinig a nall an còmhrag. An sin air uairibh ghluaiseas suas Guth Chathmhoir gu cluais Shulmhalla; Bha h-anam fo chiaradh gun tuar; Thaom i focala fuar air gaoith. “Ghluais aislinge caoine uam féin; Thréig iad m’ anam fo bheud is dòghruinn: Cha chluinn mi guth seilg anns a’ bheinn; Tha mi ceilte an cearb a’ chòmhraig. Tha mi sealltuinn sìos o mo nial; Cha ’n ’eil dearrsa gu thrian air mo cheumaibh. Tha mi faicinn a’ ghaisgich dol sìos; Tha righ na mòir sgéithe ag éirigh; Es’ a chois’neas buaidh an cunnart, Triath Shelma nan sleagha ’s nam beuma. Thaibhs Chonmhoir, a thréig sinn fo nial, Bheil do cheuma a’ triall na gaoithe? An tig thu air uairibh dhuinn sìos Gu talamh nan sìan a tha baoth, Athar neartoir Shùlmhalla fo bhròn; Is ceart gu ’n tig thu fhéin, a thriath’; Chualam d’ fhocal fo shìan na h-oidhche ’N àm m’ éirigh gu Eirinn nan sgiath, Innis àillidh nan ceud shruth a’ boillsgeadh. [TD 77] [Laideann] [TD 78] Thig taibhse ar sinns’re an guth Gu anam tha dubhadh fo bhròn, ’Nuair a chi iad ’nan aonar fo dhubh Sìol teaghlaich m’ an dùnadh an ceò. Gairm mi, athar thréin, dhuit féin, ’Nuair bhios Cathmor fo bheud air làr. An sin bithidh Suilmhalla gun fheum Measg dòghruinn le féin m’ a sàr.” [TD 79] [Laideann] [TD 80] [Blank] [TD 81] TEMORA. CARMEN QUINTUM. [TD 82] [Blank] [TD 83] [Laideann] [TD 84] TIGHMORA. DUAN V. v. 1-17. THUS’, tha chòmhnuidh am measg nan sgiath, Tha cho arda sa’ chiar thalla, A chlarsach, o d’ aite thig sìos, Is cluinneam gu mìn do ghuth. Mhic Alpinn, buail-sa an teud; Mosgail ’anam do ’n treun bhard: Ghluais torman shruth Lora uam fhéin Coi’-thional nan sgeul a bha ann. Mi seasadh an nialaibh nam bliadhna, ’S gann am fosgladh ’s is ciar na dh’fhalbh; ’Nuair a thig dhomh an sealladh gun deanamh, Tha e doilleir ag iadhadh m’ an àm. Cluinneam thus’ a chlarsach o Shelma; Tillidh m’ anam gu dàna dhomh féin, Mar aiteal na gaoithe tha mall, Thogas grian o shàmhchair nan gleann, Aite còmhnuidh do ’n dall cheò. [TD 85] [Laideann] [TD 86] Tha Lubar a’ dealradh a’ m’ fhianuis Is i taomadh gu fiar ro’ ghleann; Air gach taobh air cruachaibh nach ìosal Ard choltach nan righre gu h-ard; An sluagh a’ taomadh dlùth m’ an cuairt, Ag aomadh suas gu guth nan triath, Mar gu ’n labhradh an sinns’re o stuadh A’ tearnadh o fhuair ghaoith nan sliabh. Iadsa mar charraigibh shuas, An ciar cheann fo bhuaireadh nan craobh, An stoirm is ceò a’ snàmh m’ an cuairt: Ard air an aomadh tha sruth A’ taomadh a chobhair air gaoith. Fo fhocalaibh arda righ Atha Thaom Eirinn gun tàmh air an raon Mar fhuaim, nach ’eil faoin, o dhealan; Garbh chearbach an tearnadh gu Lubar, Rompa Foldath as-ùr le ’cheumaibh. Thréig an righ an raon do bheinn; Shuidh e sìos fo gheugaibh daraich: Tha siubhal nan sruthan ris féin; Thog e dealradh nam beuda thairis, Sleagh alluidh nan righ bha ’na làimh; Bu dhealradh ise féin do shluagh An garbh mheadhon a’ chruaidh chòmhraig. Teann air sheas ainnir nan triath, Nighean Chonmhoir nan sgiath gorma, Glan aomadh ri carraig ’s i fann: [TD 87] [Laideann] [TD 88] Cha bu shòlas dhìse an strì; Cha robh anam na mìne mu fhuil. Tha gleannan uaine sgaoilte thall Aig iomal meall o’ n glaine sruth; An sàmhchair tha ghrian air an àld, ’S a’ tearnadh o ’n ard na ruaidh: Orrasa bha sùile nam beus Measg smuaintibh bha ’g éirigh ’na cliabh. Chunnaic Fionnghal air an ard Treun mhac Bhorbair, ant sàir Dhubhail: Chunnaic Eirinn gu domhail a nall Fo sgiathaibh nan carn an dùbhra. Bhuail e copan, comhara chòmhraig, Caismeachd do mhòr shluagh gu géilleadh, ’Nuair chuireadh e romp’ a sheòda Gu leirg o ’m bi mòrchuis ag éirigh. ’S lìonar ghluais na sleagha fo ghréin, Fuaim nan sgiath a freagradh m’ an cuairt, Cha robh eagal ag iadhadh mar nial Measg coi’-thional gailbheach nan sluagh; Bha esa féin an righ ri ’n taobh, A neart nach faoin o Shelma thall. Bha sòlas a’ dealradh m’ an laoch; Chualas gu caoin a ghuth mall. “Mar imeachd na gaoith’ air an stuadh Sìol Shelma nam fuaim dol sìos; Tha iadsa mar uisge o chruaich, Nach caisgear am buaireadh a strì. [TD 89] [Laideann] [TD 90] A so féin a ghluaiseas mo chliu Chuir ainm dhomh as-ùr o ’n tìr; Cha robh mi mo dhearrsa air chùl, Bhur ceumans’ a dlùthadh a m’ dhéigh. Cha robh mi féin mar chruth bha faoin, A’ dubhadh baoth ’n ur fianuis thall. Cha bu thorrunn mo ghuth do laoich; O mo shùilibh cha taomadh am bàs. ’Nuair a thigeadh sliochd mòirchuis gun fheum, Cha tuiteadh iad féin fo mo rosg Fo dhì-chuimhn an talla nan teud, Mar dhubh-cheò o bheinn a síoladh. Tha dealan ùr dol suas bhur còir: Cha lìonor an còmhrag a cheuma; Cha lìonor; ach tha e gu còrr. Cumaibh ’n dubh-chiabh òg o éiginn; Thugaibh air ais Fillean le sòlas. Na dhéigh so bidh ’chòmhrag ’na aonar. Tha dhealbhsa mar shinns’re nan còrr ghnìomh; Tha ’anam mar dhealan an cliu. Mhòir mhic Mhorni a’ mhòir charbaid, Biodh do cheuma a’ falbhh m’ an òg; Biodh do ghlaodh ’na chluais le garbh ghuth O chearb is o fhalbhan a’ chòmhraig. Cha ’n ann gun fhios tha feum do thriath Ard bhriseadh nan sgiath an comhstrì.” Shìn an righ a cheum gun dàil Gu ard charraig chathair Chormuil; [TD 91] [Laideann] [TD 92] O àm gu àm bhuail dearrsa thall A ghorm-sgiath nam ball ’s na mòirchuis. ’Nuair ghluaiseas mall ard righ nan triath, Tha ’shùil a sealltuinn borb o ’thaobh Mu shiubhal nan daoin’ a’ dùnadh. Leth liath a bha chiabha sa’ ghaoith M’ a ghnùis nach robh faoin fo dhùbhra, A thuar a’ lasadh le sòlas fiar, Mise dorchadh ’s a’ triall ’na dhéigh. A nis a thàinig Gall an triath, A sgiath bhallach air iall ri laoch; Labhair e, ’s e grad a’ dol sìos; “Mhic Fionnghail tog sgiath ri m’ thaobh, Tog ard ri mo thaobh i, thréin; Saoilidh nàimhde gu ’r feum mo shleagh, ’S iad ’g a faicinn a’ soills’ an mo làimh. Ma thuiteas mi, thréin, air chruaich, Ceil, Oisein, an uaigh air an raon, Cha ’n imrich an làmh so a’ chruaidh. Na cluinnear orm luaidh tha faoin; Na cluinneadh ainnir chaomh mi féin, ’S i deargadh fo bheus a ciabha. Fhillein, fo shùilean an righ Na dì chuimhn dhuinn strì nam beum; C’ uim a thigeadh na gaisgich o ’n fhrìth Thoirt cobhair do raon a tha ’m feum.” Leum an sonn an trom an t-sluaigh, Sgiath bhallach a’ fuaim r’a thaobh. [TD 93] [Laideann] [TD 94] Lean mo ghuth treun garbh-ghnìomh nam buadh Roi’ ’astar gu bualadh nan laoch. “C’ uim a thuiteadh mac Mhorni san ùir Gun aithris a chliu an Eirinn? Tha gnìomha nan gaisgeach air chùl, Gun chuimhne, gun diù ri éirigh; Tha ’n astar gun stoirm air an raon; Cha cluinnear gu faoin an guth,” Mo shòlas mu cheumaibh an triath, Mo thriall gu carraig an righ, E suidhe an seachran a chiabha Measg gaoith nan carn liath ’s nam frìth. Mar bhruachaibh dubh an sluagh ag aomadh Gu chéile aig taomadh na Lubair, So Foldath mar chaol nial air beinn, Og Fhillean a dealradh o dhùbhra: Gach aon fhear le ’shleagh anns an t-sruth A’ taomadh a ghuth fo gharbh chòmhraig. Bhuail Gall copan Shelma nam fuaim; Thuit an sluagh an cruadal a’ bhlàir. Mar a thaomas dà àld o chruaich, Bha cruaidh air chruaidh a dealradh thall, Dà àld thig o ’n aonach le fuaim O dhà charraig ghruamach nan carn ’S iad a’ measgadh an geal chobhair shìos. Faicse mac a’ chliu air sliabh E gearradh sìos ard neart an t-sluaigh! Tha ’m bàs air an osaig m’ an triath, [TD 95] [Laideann] [TD 96] Na gaisgich gu ’n trian gun bhuaidh Mu astar Fhillein an cruas blàir. Rothmar, sgiath chopach a shluaigh, Aig dà charraig shuas fo bheumaibh; Dà dharaig fo ghaoith o stuaidh An geuga m’a chruaidh a’ leumadh. Phlaoisg e ’shùile dorcha thall Ag iadhadh mall m’a chairde féin, ’S e feitheamh an sàmhchair ri Fillean. Chunnaic an righ an còmhrag treun; Bha ’anam ag éirigh gun fhìamh. Mar thuiteas clach Lòda le fuaim O iomall cruaiche nan druim ard, ’Nuair thogas taibhs an talamh shuas, Thuit Rothmar nan cruaidh sgiath air làr. Teann air bha do cheuma, Chùilmhìn; Thàinig òg nan ciabh ùr fo dheoir; Ghearr e ’n osag le beumaibh o chùlaobh, Roimh mheasgadh an dealradh nan lann Ri Fillean do nach gann a’ bhuaidh. Chuir e bogha fo thaifeid réidh, Le Rothmar nan ceud sruth shuas; Bha ’n comhara mu ruaidh sa’ bheinn, ’S gath gréin’ a’ leum thar chruaich. C’ uim, a mhic Chùl-àluinn nam beus, C’ uim, a Chùilmhìn gu treun dhearrsa? Gath tein e tha losgadh m’ an cuairt; Teich gu luath, a mhic Chùl-aluinn; [TD 97] [Laideann] [TD 98] Cha bu choimeas bhur n-aithriche féin Ann an comhstri nam beum air raon. Tha màthair Chùilmhìn anns an talla, A sùil air gorm chlàra nan sruth; Tha fiar ghaoth ag éirigh o fhairge Ag iadhadh ’s a tarruing gu dubh Mu chruth is mu thaibhs a mic; Tha donnal chon ’nan àite féin, A sgiath gun fheum san tall’ am fuil. “Na thuit thu, a mhòir chia bha treun An còmhrag nam beud an Eirinn!” Mar ruadhaig fo fhiui gu dìomhair Sìnnte sìos m’ a sruthanaibh féin; Chi sealgair an luighean gu fheum Bidh cuimhne a ceum ’na chliabh: Mar sin a shìnear mac Chùil-àluinn Fo shùile an t-sàir air sliabh, Barr a chiabh’ an sruthan caol, Fuil a briseadh air aomadh a sgéithe. Bha làmh san àm air lann gun bheud, A chruaidh a thréig an treun an cunnart. “Thuit thu,” thuirt Fillean, ’s e brònach, “Ma ’s an cualadh air chòir do chliu. Chuir d’ athair air feachd thu le còmhrag; Tha ’bharail gu ’n cluinn e as ùr Do gnìomha a’ dlùthadh m’a chluais. Tha e liath aig a shruthaibh féin; Tha ’shùil air Moiléna nan sìan; [TD 99] [Laideann] [TD 100] Ach cha till thu gu sìorruidh, a threin, Le faoibh o do cheud nàimhdibh.” Thaom Fillean an ruaig thar Eirinn, Es’ a leantuinn ro’ threun fhuaim an raoin. Ach triath air thriath thuit Mòrbheinn sìos Fo dhubh fheirg gun chéill’ Fholdaith. Fada thall air slios nan sliabh Le tuille a’s trian de chòmhrag. Sheas Dearmud an àigh fo ghruaim, Sìol Shelma m’ an cuairt a’ taomadh. Bhris Foldath a sgiath fo ’lainn; Theich a shluagh gu mall air sliabh. An sin thuirt an nàmhaid le mòrchuis, “Theich iadsa, a’s thòisich mo chliu. A Mhalthos, gu Cathmor nam mòr ghnìomh, Cuireadh faire air mòr thonn a’ chuain; Air talamh tuitidh nàmhaid treun; Mu lochan fo bheinn bidh ’uaigh; Cha ’n éirich fonn mharbh-rann da féin; Bidh thanas gun fheum fo ghruaim An ceò mu lòn cuilceach a’ chàthair.” Chuala Malthos an smuainte ciar A dhearg shùil cur sìos is sàmhach; Math ’aithne air mòirchuis an triath’: Chuir e shealladh mu ’n righ air ard bheinn; Thionndaidh e an dorchadh a chléibh Is bhuail an treun a lann an còmhrag. An caol ghleannan Chlòna fo dhubh [TD 101] [Laideann] [TD 102] Tha aomadh dhà chraoibh thar an t-sruth; An sin a sheas sàmhach am bròn Sìol Dhuthno nan còmhrag còrr; Fuil a taomadh ’s ag iadhadh m’a thaobh, A sgiath sgoillt’ is briste air raon. Ri carraig a sheas a shleagh mhòr. C’ uim, a Dhearmuid, cho dubhach do bhròn? “Tha mi cluinntinn garbh fhuaim a’ chòmhraig Mo chairde air chòmhnard leò féin, Mo cheuma gu mall, air a’ mhòr mhagh; Sgiath bhriste an comhstri gun fheum. ’M bi esan a ghnàth fo bhuaidh? Bidh Dearmud san uaigh le cliu, Seal mu ’n éirich an dùbhra suas. Gairmidh mi thusa gu còmhrag, Is tach’ream ri mòrchuis Fholdaith.” Ghlac e shleagh le sòlas ciar, Mac Mhorni an triath g’ a thaobh. “Mhic Dhuthno, caisg-sa do luaths; Tha do cheuma gun tuar fo fhuil; Cha leat-sa garbh chopan do sgéith; C’ uim a thuiteadh an triath gun airm?” “Shìl Mhorni, dhomhsa do sgiath; Is tric a dh’ aom i sìos an còmhrag: Caisgidh mi shiubhal air sliabh. Shìl Morni, faic clach air chòmhnard; Clach a thog a liath cheann suas Roi’ ’n fheur a tha fuaim an gaoith: [TD 103] [Laideann] [TD 104] Tha treun do mo chinneadh san uaigh; Taisg an sin mi suas san oidhche.” Ghluais e gu mall air a’ chruaich; Chunnaic e fo bhuaireadh an raon, Garbh dhearrsa a’ chòmhraig dol suas Briseadh mu ’n cuairt da gu claon. Mar lasair an oidhche sa’ ghleann Ag éirigh fada thall san fhraoch, A nis a’ mùchadh fo mhùig a ceann, A nis a’ togail a dearg shruth baoth ’N àm éirigh is aomadh nan gaoth: Mar sin fhéin a thachair còmhrag Sùile Dhearmuid na mòir sgéith. Roimh shluagh bha ceuma mòr an Fholdaith Mar chiar luing air faobhar nan stuadh, ’Nuair a ghluaiseas i mach o dhà Innis Dol air h-aghairt ’s a’ tilleadh air chuan Measg bhuaireidh an fhuair ghairbh ré. Chunnaic Dearmud le feirg a thriall; Chuir e suas gu ’thrian a neart; Ach threig e cheumaibh air sliabh; Thuit deura o threun nam feart. Chuir e stoc athar fo fhuaim; Bhuail e tri chuairt a mhòr sgiath; Tri chuairt a ghairm e ceann an t-sluaigh: Chuala Foldath e shuas, an triath, Measg gàire is fuaim a’ chòmhraig. Chunnaic Foldath le sòlas an treun; [TD 105] [Laideann] [TD 106] Thog e suas gu feum a shleagh, Is i nighte gu leth am fuil. Mar charraig a’s ruadh shrutha claon A’ taomadh dearg le ’taobh an stoirm; Mar sin fo sheachran fal’ an laoch, Ciar cheannard nan daoine fo airm. Air gach taobh a dh’ aom an sluagh O chomhstri gu buaidh an dà righ. Thog mar aon am faobhair suas— Grad thàinig an cruaidh na Selma Fillean o iomall an t-sluaigh. Tri ceuman air ais a dh’ aom Foldath O ’n dearrsa bhuail claon a shùilean, A thàinig mar dhealan o nial, Chur dìon air triath bha fo leoin. Sheas e ’s e fàs suas am mòrchuis Gairm uile gu còmhrag a’ chruaidh. Mar thach’reas air sgiathaibh leathan treun Dà iolair air éiginn an gaoith’ A’ strì air an itibh gu léir, Ghluais grad gu beud an dà shaoi. Ma seach tha ceuma nan righ Air aghairt gu strì o ’n dà chruaich; Bha ’n còmhrag a’ ciaradh dol sìos Air an lannaibh fo chli nam buadh. Bha sòlas nan treun ann do chliabh, A Chathmhoir air faobhar nan sliabh, An sòlas tha dìomhair a ghnàth [TD 107] [Laideann] [TD 108] ’N àm éirigh cunnairt nan sàr. Cha do lùb a shùile mu shliabh; Bha shealladh ag iadhadh gu h-ard Mu righ Shelma a b’ àilghiosaich tuar. Chunnaic e a ghluasad air Mòra Am mòrchuis a chòrr arma. Thuit Foldath gu mall air a sgéith, Sleagh Fhillein ro’ thriath gu làr: Cha do choimhid an t-òig-fhear gu ’thrian Cur roimhe nan ceuda sa’ bhlàr. Ghluais suas do ceud ghuthaibh a’ bhàis— “Mhic Fhionnghail bi mall an triall. Nach fhaic thu cruth àillidh tha thall, Dubh chomhara mharbh air sliabh? Na dùisg-sa righ Eirinn as-ùr, Mhic Chlatho nan sùile gorma.” Chunnaic Malthos am Foldath air làr Is dhorchaich an sàr mu ’n triath; Ghluais gàmhlas o ’anam gu bàrr, Mar charraig am fàsach nan sliabh, Air an iadhadh gu dubh sruth nan sìan, ’Nuair a dh’ imicheas sìos ceò mall, Na cranna a seacadh gu ’n trian, Fo osagaibh ciar-dhubh nan carn. Labhair e ri triath fo bhàs, A’ foineachadh o shàr m’a uaigh; “An éirich do liath chlach an Ullin, No air Mòma nan iomadh coill’, [TD 109] [Laideann] [TD 110] Anns an coimhead an solus gu dìomhair Air gorm-shruth Dhalriabhaich nan carn? An sin tha ceuma mall na h-òigh’, Do nighean chòrr nan gorm shùil, Léna.” “An cuimhne dhuit is’, a thriath, Gun mhac dhomh ag iadhath mo dhéigh, Gun òg dhomh gu còmhrag air sliabh, Gu mise a dhìoladh, a thréin? A Mhalthos, chaidh mo dhìoladh féin; Cha robh mise, a thréin, an sìth; Tog uaigh do na mharbh mi sa’ bheinn M’ an cuairt do thigh caol gun bhrìgh. Is tric a thig mi sìos gu luath O osaig gu h-uaighibh mo nàimhde, ’Nuair chi mi iad a’ sgaoileadh shuas Feur fada fo ghluasad nan gaoth.” Ghreas ’anam a null le fuaim Gu caol ghleann fo chruachaibh Mhòma; Thàinig e an aisling gun tuar Gu dearrsa Léna a’ stuaim chòmhraidh’, ’S i cadal mu shruth an Dalruaidh Air tilleadh o ruaig nam fiadh. Bha bogha caoin ri taobh na h-òigh Gun taifeid, na h-osaga tlàth a snàmh Mu h-uchd bàn le ’ciabhaibh: Fo éididh na h-àille an òige Shìn air talamh òigh chòrr nan triath. Dubh-aomadh o chearbaibh nan cruach [TD 111] [Laideann] [TD 112] Thàinig Foldath gun tuar am fuil; Chunnaic is’ e air uairibh o stuadh, E ’g a cheileadh air uairibh an ceò. A’ briseadh fo rachd na deoir Bha ’fios mu thriath mòr air làr, Dhise bha ’n dearrsa bu chòrr O ’anam an uair bu mhòr stoirm. Bha thusa ma dheireadh air chùl, A Dhearrsa-Léna nan sùil gorm. Garbh chearbach o fhuaim shruthan Lubair Theich Bolga gu cùlaobh nan sliabh; Bha Fillean m’ an ceumaibh a’ dlùthadh; Air an fhraoch chuir e dùbhra bàis. Bha sòlas ard Fhionnghail m’a mhac. Ghluais Cathmor fo thlachd nan gorm sgiath. Tréig, a Chlatho nan gorm shùil, Tréig-sa talla nan ùr theud; Faic dearrsa tha dealradh gu’ chùl; Tha seacadh nan sluagh m’a cheum. Na coimhid ni ’s fhaide ’s e dorch’; Gu h-eatrom o chaol-mheadhon clàrsaich Buaileadh òighe nan sàr am fuaim; Cha shealgair tha tearnadh o ’n fhàsach, O dhealta air carnaibh nan ruadh; Cha chrom e am bogha air gaoith; Cha chaill e ’liath fhiui air magh. Fada shíos an dearg a’ chòmhraig, Faic comhstri gu dhomail r’a thaobh [TD 113] [Laideann] [TD 114] Ag imeachd an iadhadh an strì, Bàs mhìlte a’ dìreadh m’a lann. Tha Fillean mar thanas nan speur, A thearnas treun o chearb nan sìan; Tha ’n fhairge am bruaillein fo ’cheum Is e leumadh o thonn gu tonn; Tha ’astar a’ lasadh ’na dhéigh; Crathaidh innise an ceud cheann Air cuan ag éirigh gun bheus thall. Tréig a Clatho nan gorm shùil, Tréig-sa talla nan ùr theud. [TD 115] [Laideann] [TD 116] [Blank] [TD 117] TEMORA. CARMEN SEXTUM. [TD 118] [Blank] [TD 119] [Laideann] [TD 120] TIGHMORA. DUAN VI. v. 1-17. “THA Cathmor ag éirigh sa’ charn, ’N glac Fionnghal an lann o Luno? Ciod a thigeadh do ’d chliu-sa san àm, Mhic Chlatho ’n uchd bhàin ’s nan sùil gorm? Na tionndaidh do rosgan uam féin, A nighean nan treun Innisthorc: Cha chaisg mi do dhearrsa, dheò-gréine, Tha dealradh air m’ anam an nochd. Eireadh coille chearbach o Mhòra, Eireadh eadar còmhrag ’s mi féin. C’ uim a chítheam an strì so air chòmhnard, Eagal tuiteam do ’n dubh-chiabhach threun. Am measg nam fonn, a Charuill, taom Ard fhuaim nach ’eil faoin o chlàrsaich. An so tha guth carraig tha caoin, Liath shiubhal shruth baoth o fhàsach. Athar Oscair, tog-sa do shleagh; [TD 121] [Laideann] [TD 122] Dìon air magh glan òg nan arma: Ceil do cheuman o Fhillean san uair. Mu ’n eol da mi-earbsa m’a chruaidh. Cha ’n éirich nial uam féin, mo mhac; Cha bhi do theine fo smachd, a thréin.” Fo charraig cheileadh an sonn Am fuaim nam fonn o Charull thall; Mi dealradh an sòlas nach gann, Sleagh Thighmòra am’ làimh ’s mi triall. Chunna’ mi air chòmhnard Mhoiléna Baoth bhruaillean a’ chòmhraig ag éirigh; Strì a’ bhàis ag iadhadh gu mall; Sluaigh a briseadh fo dealradh nan lann. Bha Fillean mar lasair o speur; O sgéith gu sgéith garbh cheum an trein; Leagh còmhrag o fhianuis an laoich Is e filleadh an raoin fo mhùig. A nis sìos tha triall gu strì Mòr Chathmor an righ ’na armaibh; Sgiath iolair dubh aomadh m’ an cuairt Thar teine a chruaidh cheann-bheirt. Gun chùram ghluais e ard cheuma Mar gu’ m biodh sealg Eirinn air làimh. Thog e suas air uairibh a ghuth; Thionail Eirinn fo dhubh m’ an cuairt; Thionndaidh ’n anama sìos mar shruth Le iongantas mu ’n ceumaibh ’s an tuar; Mar dhearrsa maidne an treun [TD 123] [Laideann] [TD 124] Ag éirigh air beinn bha fo fhuaith, Fear siubhail air astar leis féin Sealltuinn sios o thaobh a ghruaidh’ Air leirg nan cruth fuar fo dhubh. Grad o charraig ghlais Mhoiléna Sùilmalla nan ceuman àillidh: Ghlac darach a sleagh o geal làimh. Leth-aomta chaochaill i chruaidh; Bha sùile sìos air righ na h-Eirinn O fhalbhan is éirigh a ciabh’: Cha strì so measg chairdibh air raon; Cha chuspaire faoin th’ air an réidh, Mar gu ’m biodh òg laoich o Lumon A’ dlùthadh fo shùilibh Chonmhoir. Mar charraig Runo dùbhradh shuas, A’ glacadh ’nan ruaig na niala, ’S i fàs am measg dubhadh a gruaidh Thar sliabh nan glas chruach ’s nan liath shruth, Mar sin bu mhò Cathmor Atha ’N àm tional nan sàr m’ an cuairt. Mar osagaibh siubhal a’ chuain, Gach aon dhuibh is stuadh f’a còir, Mar sin a bha ’fhocuill do ’shluagh Cur a ghaisgich m’ an cuairt do ’n tòrr. An sàmhchair cha robh Fillean shuas; Bha ’fhocuill measg fuaim a sgéith: Mar iolair an treun air a’ chruaich, Gach ite fo ghruaim m’a chliabh, [TD 125] [Laideann] [TD 126] E gairm nan gaoth gu charraig féin, ’Nuair a chi e fo cheum na ruaidh Air Luthar a’s dubh-luach’raich raon. Thaom iad sa’ chéile sa’ bhlàr, Ard righre nan sàr o thaobh gu taobh A losgadh teine mu anam an sluaigh. Leum Oisian air sleagh is e triall, Craobh is carraig dol suas gun dàil Eadar am blàr is e féin. Ach chuala mi chruaidh nach robh mall Measg forum mo mhàile sa’ bheinn. ’N àm éirigh an soillse o chruaich Chunna mi an sluagh a’ géilleadh, An ceuman air ais anns an uair, Sùile corrach gu ’n gruaidh’ ag éirigh; Thachair tréin am buaireadh a’ chath’, Dà righ nam flath nan gorm sgiath; Mòr is dorch am meadhon nan gath Measg soillse bha garbh strì nan triath. Bhuail suas mu Fhillean baoth, Bròn a lasadh ’s a’ taomadh ro’ m’ chliabh. Thàinig mi; tha d’ theich an righ; Cha d’ thàinig e le strì a’ m’ choir. Mar charraig de eithe anns an fhrìth, Fuar is garbh a bha brìgh an t-seoid. An sàmhchair bha ar ceuma suas Air dà thaobh buaireidh an t-sruth’. Thionndaidh sinn mar aon fo ghruaim, [TD 127] [Laideann] [TD 128] Is thog sinn ruinne cruaidh nan sleagh. Thog sinn sleigh; ach thuit an ciar; Bha sàmhchair air sliabh fo dhorcha, Ach gu ’n cluinntear ceuma nan triath A’ fuaim air an leirg a’ falbh. Thàinig mi gus an àit’ a bha faoin, Anns no chuireadh le Fillean cath: Cha robh focall no fuaim air an raon, Sgiath bhriste is ceann-bheart nam flath Air talamh is gath gun fheum. C’ àite bheil Fillean nan sgiath? C’ àit’ an t-òg thriath o Mhòirbheinn? Chual e ’s e ri carraig nan sliabh, Bha ’g aomadh gu ’trian air mòr-shruth: Chual e, ’s e dorcha is fann: An sin chunnaic mi thall an laoch. C’ uim a sheasas an truscan do dhùbhra Mac Shelma m’ an dlùthadh a’ choill’? An dealradh tha d’ astar, mo bhrathair, An liath raon nan sàr a bha treun. Is fhada bha do strì, a thriath; Stoc Fhionnghail ’ga d’ iarruidh sa’ chruaich, Gluais gu neulaibh d’ athar fhéin, Gu ’chuirm air eudan nan sliabh. An ceò an fheasgair suidhidh ’n righ ’S e cluinntinn guth cli na clàrsaich O chaoin Charull a’s fuaim’oire fonn: Thoir sòlas do ’n aois, a chòrr thriath. [TD 129] [Laideann] [TD 130] Fhir-bhriseadh nan sgiath, bi falbh. “’N d’ thig sòlas mu lagaich, a thriath? Cha ’n ’eil, Oisein, mo sgiath dhomh féin; Tha i briste is sgaoilt air an t-sliabh; Bhriseadh ite eoin riabhaich na speur Air mo cheann-bheirt fo bheum a’ chòmhraig. ’Nuair a theicheas an nàmhaid gu dian, Bidh aithriche thriath fo shòlas; Ach éirigh an osna gu ’trian, ’Nuair theid gaisgich gu dìth air chòmhnard. Cha ’n fhaicear le Fillean an righ; C’ uim a bhiodh e fo strì a’ bhròin?” Mhic Chlatho a’s guirme sùil, Og Fhillein, na dùisg mo chliabh. Nach robh thu do theine gun mhùig, ’S nach bi sòlas as-ùr air thriath? Cha ’n ’eil lìonadh do chlui dhomh fhéin; Mar ghréin tha ’n treun do mo thriall: Tha e coimhead mo cheuma le sòlas, Gun fhaileas a’ còmhnuidh m’a ghnuùis. Suas, Fhillein, gu Mòra nan tòrr; Tha cuirm anns a’ cheò sgaoilte. “Oisein, thoir dhomh féin mo sgiath, Na h-ite tha ciar fo ghaoith: Cuir iadsa mar ri Fillean, a thriath, Gus nach caill e ach trian d’a chliu. Thréin Oisein, tha laigs’ orm fhéin; Cuir mise fo bheud sa’ chòs. [TD 131] [Laideann] [TD 132] Na tog orm clach anns a’ bheinn Eagal foineachd mu Fhillean ni ’s mò. Thuit mise ann mo cheud chath Gun chliu is gun rath air mo lann. Biodh do ghuthsa a mhàin, a thriath ’Na shòlas do m’ anam ’s e triall. C’ uim a bhiodh bard a còmhradh M’ an dearrsa òg o chaoin Chlatho?” Bheil d’ anam air fiaradh nan gaoth, Oig Fhillein, a bhriseadh na sgiatha? Biodh sòlas a’ leantuinn an laoich Ro’ fhilleadh gharbh nan ciar nial. Tha sàmhla do mhòr shinns’re, Fhillein, An cruthan ag aomadh m’ an sìol; Tha mi faicinn an tein air an aonach, Gorm sgaoile an ceò fo shìan Mu Mhòra measg fiaradh na gaoith’. Tach’radh sòlas ri mo bhràthair. Thréig thusa na sàir ’s iad fo bhròn. Mu thiomchioll na h-aoise tha ’n nàmhaid, Cliu a’ sìoladh o airidh ’s e ’n ceò: Tha thusa d’ aonar air an t-sliabh, A righ nan liath chiabh o Shelma. Chuir mi e an carraig nan còs Aig fuaim nan sruth mòr san oiche; Bha dearg reul a’ sealltuinn o ’n tòrr, Nach do chuir am fear òg an soillse: Thog na gaotha mall a chiabh. [TD 133] [Laideann] [TD 134] Bha mi ’g éisdeachd—cha chualas fuaim: Bha ’n gaisgeach gun tuar am pràmh. Mar dhealan air neul dubh-dhonn Ghluais smuainte gu trom mo chliabh; Mo shùile mar thein an mo cheann, Mo cheuma nach mall air sliabh Measg forum mo chruaidh mhàile. Tach’ridh mise is righ Eirinn: Measg co’-thional cheud tach’ridh sinn. C’ uim a theicheadh an neul so féin, A chuir dearrsa nan speur air chùl? Lasaibh tein athair nan cruach, Lasaibh suas, mo shinns’re féin; Is cuiribhse mo cheum fo shoillse— Caithidh mis’ an nàmhaid am feirg. Ach mar tilleadh mise féin, Tha ’n righ fo bheud is e gun mhac; Tha liath chiabh measg nàimhdibh an trein A làmh an robh feum fo smachd. A chliu a’ sìoladh sìos an Eirinn. Na faiceam gu sìorruidh an sàr An deireadh nam blàr fo smal. Ach cia mar thilleam féin do ’n righ? Nach foinich e le brìgh m’a mhac? C’ uim nach d’ thug thu Fillean o ’n strì? Tach’ridh Oisian shìos an nàmhaid; O shùilibh a chairdean tha thriall. Ard Eirinn a’s uaine gleann, [TD 135] [Laideann] [TD 136] Is taitneach do mo chluasaibh d’ fhuaim. Tha mi grad air do shluagh fo lann, A sheachnadh sùilean an righ fo ghruaim. Ach cluinneamsa gu h-ard an righ Air Mòra nam frìth an ceò: Tha e gairm a dhà mhac o ’n strì; Tha mi tighinn ’s mi sìos fo bhròn: Tha mi tighinn mar iolair o chruaich, Thachair teine nan stuadh an oiche, E ’g iteach o ’n fhàsach so shuas Le ’sgiathaibh dubh-loisgte an soillse. Fada thall m’ an righ air Mora Thaom Mòrbheinn o bhriseadh an raoin. Thionndaidh an sùilean o ’n mhòr thriath; Gach aon diubh ag aomadh g’ a thaobh ’S a shealladh gu baoth o ’shleagh. ’Nam meadhon sheas sàmhach an righ, A smuainte strì dol suas m’a chliabh, Mar thonnaibh air lochan nam frìth, Gach aon diubh fo chobhar ’s e liath. Sheall e sìos; cha ’n fhac e mac Le sleagh ghlan fo smachd ’s e triall. Ghluais ’osana suas gun dàil A cheil e fo shàmhchair a’ bhròin. An sin sheas mis’ fo dharaig thall; Cha d’ éirich guth mall uam fhéin. Ciod a b’ urrainn mi labhairt san àm, Ri Fionnghal measg bròin an tréin? [TD 137] [Laideann] [TD 138] A nis a ghluais am focal suas; Dh’ aom an sluagh air ais o ’ghuth. “C’ àit’ am bheil mac Shelma, an triath, Am fear a dh’ imich an sgéith còmhraig? Cha ’n fhaic mi a cheum air an t-sliabh ’S e tilleadh o thriall na mòirchuis Measg co’-thional còrr mo shluaigh. Na thuit an ruadh òg air a bheinn, Es’ bu mhòrchuisich ceum air cruaich? Thuit e, sibh sàmhach ’n a dhéigh, Sgaoilte sgiath chomstri gu luath. Cuiribh mo mhàile chruaidh ruim fhéin; Mac an Luinn a bha ciar donn. Tha mi mosgladh air ard na beinne; Bi-m am màireach an còmhrag nan sonn.” Arda air Cormull bha craobh A lasadh fo ghaoith is i fuaim; Bha liath chearb de cheò air a taobh A sgaoileadh gu caoin m’ an cuairt. An sin bha ceuman an righ am feirg Fada thall o chearb an t-sluaigh. Bha ’chòmhnuidhse riamh air an leirg, ’Nuair lasadh còmhrag gharbh m’ a chliabh. Air dà shleagh shuas a mhòr sgiath, Truagh chomhara ciar a’ bhàis, An sgiath sin fo bhualadh an righ An oiche roimh strì nam blàr. An sin fhéin a dh’ aithnich na laoich [TD 139] [Laideann] [TD 140] Am a ghluaisidh gu baoth chòmhrag: Cha do thog e a sgiath gu faoin, Gus an éireadh r’a thaobh an comhstri. Bha ’cheuman a’ beumadh gu h-ard Is dealradh fo shàr ghath chraoibh. Cho fuathasach ri cruth nam fuath Fo neulaibh dubh fuar na h-oidhche, ’Nuair a chuireas e fo thruscan gruaime A dhlùth chleasa truagh an leth shoillse, ’S e gabhail do charbad nan gaoth Air bruaillean baoth an fhaoin chuain mhòir. Gun sìoladh o stoirm a’ ghairbh chòmhraig Bha Eirinn nam mòr thriath thall; Bha ’m faileas fo ré air a chòmhnard, Mall thoirm an déigh comhstri a’ bhlàir. ’Na aonar bha ceuma Chathmhoir Air aghairt ’s air ais air an t-sliabh, E ag aomadh fo ’armaibh gu léir Air Mòirbheinn nan treun fo ruaig. Nis thàinig e gus a’ chòs San robh còhnuidh òig Fhillein san oidhche; Bha aona chraobh air taobh an t-sruth’ mhòir, Bha tuiteam o ’n tòrr ’s a’ boillsgeadh. An sin fo ré ri faicinn shìos Sgiath bhriste aig triath mac Chlatho, Is teann air ’na shìneadh air feur Cas mholach an treun chu, Bran. Cha ’n fhac es’ an triath air Mòra; [TD 141] [Laideann] [TD 142] Ghluais e ’na chòdhail air gaoith: Shaoil leis gu ’n do dhùnadh do shealgair A ghorm shùil an cearbaibh a phràimh. Cha ghluaiseadh osag air an t-sliabh Gun fhios do leum riabhach nan ruadh. Chunnaic esa cù an uchd bhàin; Chunnaic e an sgiath bhriste thall; Thill dùbhra air ais air a chliabh; Bha smuainte dubhach ’g éirigh ciar Mu thuiteam nan triath air an raon. “Thig sluagh mar shruth tha taomadh sìos; Thig cinne nach fhiach ’nan déigh; Ach comhraichidh trian diubh an sliabh Dol thairis le ’n gnìomhaibh treun; Freag’ridh na cruachain an iarruidh Ro’ shiubhal nam bliadhna dhubh-chiar; Bidh gorm shruth ag iadhadh m’ an cliu. Dhiubhsa féin biodh treun o Atha, ’Nuair a chuirear air làr a cheann. Tach’readh guth nan àm tha thall, Ri Cathmor ann am mall ghaoith, ’Nuair a leumas e osaga ciar Air iomall dubh-riabhach nan stoirm.” Thionail Eirinn m’ an cuairt do ’n righ A chluinntinn guth a’ chumhachd thréin, Gach eudan ag aomadh le sòlas, An solus nam mòr chraobh. Thréig na bha fuasach a’ chruach; [TD 143] [Laideann] [TD 144] Bha Lubar ag iadhadh ro’ n t-sluagh. B’ e Cathmor an teine o speur, Bha dealradh a chairde gu léir; ’Nam meadhon bha urram do ’n righ, An anama ri sòlas a’ strì. Cha robh sòlas air ’anam na fiamh; Cha bu choigreach an triath do chòmhrag. “C’ uime tha ’n righ fo bhròn?” Thuirt Malthos a b’ fhiadhaiche sùil: “Bheil nàmhaid aig Lùbar nan tòrr? Bheil acsa na thogas o ’chùl Sleagh fhada is ùr gu bàs? Cha ’nann cho mìn ri so, a thriath, Bha Borbair na feile, d’ athair féin, An righ a thogadh gu feum sleagh. Bha fhearg mar theine losgadh riamh; Bha ’shòlas an cian mu nàimhdibh, A thuiteadh marbh fo spairn nan sgiath. Tri lài bha cuirme do thriathaibh O laoch nan liath chiabh àillidh, ’Nuair shìn Calmar a bhàs air sliabh, Thug cobhair do Ullin o Làra, Caoin thalamh nan sàr ’s nan sruth. ’S tric a dh’ fhairich e le’ làimh Ruinn na cruaidh a bhuail an lot, Chuir nàmhaid am blàr air chùl; ’S tric a dh’ fhairich e le’ làimh; Bha sùile an t-sàir fo leas. [TD 145] [Laideann] [TD 146] Bha ’n righ mar ghréin do ’chairdibh féin; Na aiteal treun do ’n geugaibh uaine; Bha sòlas an talla nan teud; Bha ’annsa mu threunaibh Bholga. Tha ’ainm a tuinidh ’n diugh an Atha, Mar chuimhne dubhach air fàs fhuathaibh, ’Nuair a thàinig is b’ fhuathail an tàmh: Ach shéid iad na garbh shianta uainn. Eireadh gutha caoin na h-Eirinn A thogail o bheud anam’ an righ, Esa mar dhealra nan speur, A’ boillsgeadh an ciaradh na strì, ’Nuair a chuir e gu sìth na trein. Fhonnair o na liath charnaibh shuas Taom tuire is luaidh nan àm; Taom iad air Eirinn nam buaidh, Gus an sìolaidh a’ chruaidh fo dhàn.” “Dhomhsa,” thuirt Cathmor an treun, “Cha ’n éirich fonn nan teud na dàn O Fhonnair aig Lùbar nan leum: Bha iad neartor tha sìnnte thall; Na fuadaichse mall thriall nam fuath. Fada, Mhalthos, fada uam, Biodh Eirinn le luaidh is le fonn; Cha ’n ’eil sòlas mu nàmhaid tha fuar, ’S nach éireadh sleagh suas le sonn. Le madainn a thaomas ar neart; Tha Fionnghal fo bheart air a’ chruaich.” [TD 147] [Laideann] [TD 148] Mar thonnaibh dol air ’n ais fo ghaoith, Thaom Eirinn o thaobh an righ; Dubh domhail an raonaibh na h-oiche Sgaoil crònan gun soillse o shluagh. Fo chraoibh o bheinn gach bard air àm ’Na shuidhe thall fo ’chlàrsaich féin; Thog iad am fonn nach robh gann, Is bhuail iad ceòl caol mall o theud, Gach aon diubh do thriath do ’n robh ’luaidh. Ri losgadh an daraich bha thall, Bhuail Sùilmhalla mall an teud; Bhuail i clàrsach o àm gu àm, Gaoth ag iadhadh mu chiabha nam beus. An dùbhra dubh bha Cathmor féin, Fo chraoibh a bha aosda a cheann. Bha lasadh an daraich o ’n treun; Chunnaic e i; cha ’n fhac i e thall; Bha ’anam a’ taomadh gu dìomhair, ’Nuair a chunnaic e shìos a sùil mhall; Ach tha cruadal nam blàr do chòir, Mhic Borbair nam mòr thriath. Am measg nan teud o àm gu àm A dh’ éisd i thall mu triath ’s mu shuain: Bha h-anamsa suas gun dàil; B’ e ’toilse, san tràth fo ghruaim, A chur suas a fonn brònach féin. Sàmhach an raon; air thaobh an sgiath Theich osaig is sian na h-oiche. [TD 149] [Laideann] [TD 150] Ghéill na barda; roi’ a’ chiar Tha comhara’ liath-dhearg a soillseadh Fo bhoillsge glas nam faoin fhuath. Dhorch’ an speur, cruth faoin nam marbh Measg tional nam balbh nial. Gun smaointe bha aon nighean Chonmhoir Mu lasadh bha falbh an cnàmh. Bha thusa ’na d’ aonar ’na miann, A thriath Atha nach faoin carbad. Thog ise gu caoin am fonn, Is bhuail i a loma chlàrsach. Thàinig Clungheal; cha d’ fhuair òigh. “C’ àite bheil a chòrr shoillse? Shealgaire o chòinich nan còs, Am fac sibh gorm-shùil nan seòd boillsgeadh? Bheil a ceuma mu Lumon an fheir Mu leapa o ’n leum na ruaidh? Mise truagh! tha ’boghasa thall An talla do ’n gnàth na cuirm. C’ àite bheil gath soillse mo chléibh?” “Tréig mi, luaidh Chonmhoir nan treun; Cha chluinn mi thu féin air sliabh; Tha mo shùile air ard righ nam beum; Tha ’astar fo bheudaibh nan gnìomh! Esa dha ’m bheil m’ anam gu léir An ciar aimsir mo cheud aisling. Domhann dorcha shìos an còmhrag Cha ’n fhaic gaisgeach, tha mòr, mo nial. [TD 151] [Laideann] [TD 152] C’ uim, a ghrian Shùlmhalla nan còrr thriath, Nach coimhead thu dòchas dhomh sìos? Tha mo chòmhnuidh féin an duibhre, O mo chùlaobh snàmh thaiream ceò; Fo dhealta mo chiabha a’ lùbadh: Seall ormsa o ’d nial, a sheoid, A ghrian Shùlmhalla nam mòr thriath. * * * [TD 153] [Laideann] [TD 154] [Blank] [TD 155] TEMORA. CARMEN SEPTIMUM. [TD 156] [Blank] [TD 157] [Laideann] [TD 158] TIGHMORA. DUAN VII. v. 1-17. O LINNE doir-choille na Légo Air uair éiridh ceò taobh ghorm nan tonn, ’Nuair a dhùnas dorsa na h-oidhche Air iolair-shùil gréine nan speur. Tomhail mu Lara nan sruth Thaomas dubh-nial a’s duirche gruaim: Mar ghlais-sgéith ro’ thaomadh nan nial Snàmh seachad tha gealach na h-oidhche. Le so éididh taibhsean o shean An dlùth-ghleus am measg na gaoithe, ’S iad leumadh o osna gu osna Air dubh-aghaidh oidhche nan sìan. An taobh oiteig gu pàilliun nan seòd Taomas iad ceathach nan speur, Gorm-thalla do thanais nach beò Gu àm éirigh fonn mhairbh-rann nan teud. Tha torman am machair nan crann! [TD 159] [Laideann] [TD 160] ’S e Conar, righ Eirinn, a t’ ann, A’ taomadh ceò tanais gu dlùth Air Faolan aig Lubar nan sruth. Muladach suidhe fo bhròn Dh ’aom an taibhs an ceathach an lòin: Thaom an osag esan ann féin; Ach phill an cruth àluinn gu dian: Phill e le ’chrom shealladh mall, Le ’cheò leadan mar shiubhal nan sìan. Is doilleir so! Ata na slòigh nan suain san àm An truscan ciar na h-oiche. Dh’ ìlsich tein an righ gu h-ard Dh’ aom e ’na aonar air sgéith: Thuit codal mu shùilibh a’ ghaisgich; Thàinig guth Fhaolain ’na chluais. “An codal so do ’n fhear-phòsda aig Clatho? ’M bheil còmhnuidh do m’ athair an suain? ’M bheil cuimhne ’s mi ’n truscan nan nial, ’S mi m’ aonar an àm na h-oiche?” “C’ ar son tha thu a’ m’ aisling féin?” Thuirt Fionnghal ’s e ’g éirigh grad. “An dì-chuimhn dhomhsa mo mhac No ’shiubhal teine air reathlan nan laoch? Ni mar sin air anam an righ Thig gnìomh sheoid àluinn nan cruaidh bheum. Ni ’n dealan iad’ a theicheas an dùbhra Na h-oidhche ’s nach fhàg a lorg. [TD 161] [Laideann] [TD 162] ’S cuimhne leam Faolan ’na shuain: Tha m’ anam ag éirigh borb.” Ghluais an righ le ’shleagh gu grad, Bhuail e ’n sgiath is fuaimneich cop; An sgiath a dh’ aom san oiche ard, Ball mosglaidh do chath nan lot. Air aomadh dubh nan sliabh, Air ghaoith theich treud nan taibhse; O ghleannan ciar nan iomadh lùb Mhosgail guth a’ bhàis. Bhuail e ’n sgiath an dara cuairt; Ghluais cogadh an aisling an t-sluaigh. Bha comhstri’ nan lann glas A’ dealradh air anam nan seòd, Cinn-fheadhna a’ druideadh gu cath; Sluagh a’ teicheadh—gnìomh bu chruaidh Leth dhoileir an dealan na stailinn. ’Nuair dh’ éirich an treas fuaim, Leum féidh o chòs nan carn; Chluinnte screadan eun san fhàsach, ’S gach aon diubh air ’osna-féin. Leth dh’ éirich sìol Albain nam buadh; Thog iad suas gach sleagh bu ghlas; Ach phill sàmhchair air an t-sluagh; ’S e bh’ ann sgiath Mhòirbheinn nam fras. Phill codal air sùilibh nam fear. Bu dorcha trom an gleann. Ni ’m bu chodal duitse san uair, [TD 163] [Laideann] [TD 164] A nighean shùil-ghorm Chonmhoir nam buadh. Chuala Suil-mhalla am fuaim: Dh’ éirich i san oiche le gruaim; Tha ’ceum gu righ Atha nan colg; Ni ’m mosgail cunnart ’anam borb. Trom a sheas i, ’suilean sìos. Tha ’n speur an losgadh nan reul. Chualas lethe sgiath nan cop. Ghluais—ghrad sheas an òigh. Dh’ éirich a guth—ach dh’ aom e sìos. Chunnaic i e ’na stailinn chruaidh A’ dealradh ri losgadh nan reul: Chunnaic i e ’na leadan trom Ag éirigh ri osna nan speur. Thionndaidh i ’ceumna le fiamh. “C’ ar son a dhùisgeams righ Eirinn nam Bolg? Ni ’n aisling do ’chodal thu féin, A nighean Innis uaine nan colg.” Gu garg a mhosgail an torman: O ’n òigh thuit a ceann-bheart sìos; Tha ’m forum air carraig nan sruth. Plaosgadh o aisling na h-oiche Ghluais Cathmor fo a chrann féin: Chunnaic e an òigh bu tlàth, Air carraig Lubair nan sliabh; Dearg reul a’ sealladh sìos Measg siubhail a trom chiabh. “C’ e tha ro’ oiche gu Cathmor [TD 165] [Laideann] [TD 166] An ciar aimsir ’aisling féin? Bheil fios dhuit air strì nan cruaidh bheum? C’ e thusa, mhic duibhre nan speur? An seas thu am fianuis an righ Do chaol-thanas o ’n àm o shean? No ’n guth thu o neul nam fras Le cunnart Eirinn nan colg sean?” “Ni ’m fear siubhail duibhre mi féin, Ni ’n guth mi o neul nan gruaim: Ach tha m’ fhocal le cunnart na h-Eirinn; An cualas duit copan nam fuaim? Ni ’n taibhs’ e, righ Atha nan sruth, A thaomas am fuaim air oiche.” “Taomadh an seòd a ghuth féin, ’S fonn clàrsaich do Chathmor am fuaim: Tha aiteas, mhic duibhre nan speur, A’ losgadh air m’ anam gun ghruaim. So ceòl chinn-fheadhna nan cruaidh bheum ’N àm oiche air aisridh nan sìan, ’Nuair lasas anam nan sonn, A’ chlann an cruadal d’ am miann. Tha sìol meata an còmhnuidh ’nam fiamh An gleannan nan osna tlàth, Far an aom ceò maidne ri sliabh O ghorm-shiubhal sruthain nam blàr.” “Ni ’m meat’ a chinn-uidhe nan sonn, Na sinns’re o ’n thuit mi féin: Bu chòmhnuidh dhoibh dùbhra nan tonn [TD 167] [Laideann] [TD 168] An tìr fhadda sìol colgach nam beum. Ach ni ’n sòlas do m’ anam tlàth Fuaim mall a’ bhàis o ’n raon. Thig esan nach géill gu bràth: Mosgail bard focail is caoin.” Mar charraig is sruthan r’a taobh, Am fàsach nam faoin bheann Sheas Cathmor, ceann-feadhna nach maoin, An deoir— Mar oiteig air ’anam le bròn Thàinig guth caoin na h-òigh A’ mosgladh cuimhne talmhuinn nam beann, A caomh chòmhnuidh aig sruthain nan gleann, Roimh ’n àm an d’ thàinig e gu borb Gu cobhair Chonmhoir nan colg fiar. “A nighean coigrich nan lann,” (Thionndaidh i a ceann o ’n t-sonn) “’S fhadda fo m’ shùil an cruaidh Crann flathal Innis uaine nan tonn. Tha m’ anam, do thubhairt mi fhéin, An truscan nan sìan ciar. C’ ar son a lasadh an dealra so féin, Gus am pill mi an sìth o ’n t-sliabh? ’N do ghlas m’ aghaidh na d’ fhianuis, a làmh-gheal, ’S tu togail do m’ eagail an righ? ’S àm cunnairt, ainnir nan trom chiabh, Am do m’ anam, mòr thalla na strì. Atas e tomhail mar shruth [TD 169] [Laideann] [TD 170] A’ taomadh air Gaill nan cruaidh bheum. An taobh carraig chòsach air Lona, Mu chaochan nan sruthan crom Glas an ciabh na h-aoise Tha Claonmhal’, righ clàrsaich nam fonn; Os a chionn tha crann daraich nam fuaim, Agus siubhal nan ruadh-bhoc sliom. Tha forum na strì ’na chluais ’S e ’g aomadh an smaointibh nach tiom: An sin biodh do thalla, Shùilmalla, Gus an ìlsich forum nam beum, Gus am pill mi an lasadh na cruaidhe O thruscan duibhre na beinn, O ’n cheathach a thrusas o Lòna Mu chòmhnuidh mo rùna féin.” Thuit gath soluis air anam na h-òighe; Las i suas fa chòir an righ: Thionndaidh i a h-aghaidh ri Cathmor, A ciabh bhog anns na h-osna a’ strì. Reubar iollair nan speur ard O mhòr shruth gaoithe nan gleann, ’Nuair a chi e na ruadh bhuic f’a chòir Clann eilid nam faoin bheann, Mu ’n tionndaidh Cathmor nan cruaidh bheum O ’n strì mu ’n éirich dàn. Faiceams thu, ghaisgich nan geur lann, O thruscan an duibhre dhuibh, ’Nuair thogas ceò mu ’m chòmhnuidh féin, [TD 171] [Laideann] [TD 172] Air Lòna nan iomadh sruth. ’Nuair is fhada o m’ shùil thu, a sheoid, Buail copan nam fuaim ard; Pilleadh sòlas do m’ anam, ’s e ’n ceò, ’S mi ag aomadh air carraig leam féin. Ach ma thuit thu, mar ri coigrich a ta mi! Thigeadh do ghuth o neul Gu òigh innis uaine, ’s i fann. “Og-gheug Lumoin an fheoir, C’ uim a dh’ aomadh tu ’n stràchdadh nan sìan? ’S tric a thionndaidh Cathmor o ’n bhlàr Dubh thaomadh air aghaidh nan sliabh; Mar mheallain domh fhéin tha sleagha nan lot ’S iad a’ brunadh air còs nan sgiath. Dh’ éiream, mo sholus, o ’n strì, Mar thein oiche o thaomadh nan nial. Na pill, a dheò-ghréine, o ’n ghleann, ’Nuair a dhlùthaicheas forum nan colg, Eagal teicheadh do ’n nàmhaid o m’ làimh, Mar a theich iad o shean srath nam Bolg.” Chualas le Sonnmor air Cluanfhear, A thuit fo Chormac nan geur lann. Tri lài dhorchaich an righ Mu ’n fhear a dh’aom an strì nan gleann. Chunnaic mìn-bhean an sonn an ceò; Bhrosnuich sud di siubhal gu sliabh: Thog i bogha fo ’s ìosal Gu dol mar ri laoch nan sgiath: [TD 173] [Laideann] [TD 174] Do ’n ainnir luidh dùbhra air Atha, ’Nuair a shiubh’ladh an gaisgeach gu gnìomh. O cheud sruthan aonaich na h-oiche Thaom sìol Alnecma sìos Chualas sgiath chaismeachd an righ; Mhosgail an anam’ gu strì; Bha ’n siubhal am forum nan lann Gu Ullin, talamh nan crann. Bhuail Sonnmor air uairibh an sgiath, Ceann-feadhna nam borb thriath. Nan déigh lean Sùil-àluinn Air aomadh nam fras; Bu sholus is’ air aonach, ’Nuair thaom iad air gleanntaibh glas; Tha ’ceuman flathail air lom, ’Nuair thog iad ri aghaidh nan tom: B’ eagal di sealladh an righ A dh’ fhàg i ’n Atha nam frìth. ’Nuair dh’ éirch forum nam beum Agus thaom iad sa’ chéile sa’ chath, Loisg Sonnmor mar theine nan speur; Thàinig Sùil-àluinn nam flath, A folt sgaoilte san osna, A h-anam ag ospairn m’ an righ. Dh’ aom e ’n strì mu rùn nan laoch: Theich namhaid fo dhùbhra nan speur; Luidh Cluanfhear gun fhuil, Gun fhuil air tigh caol gun leus. [TD 175] [Laideann] [TD 176] Ni ’n d’ éirich fearg Shonnmhoir nan lann; Bha là gu dorcha ’s gu mall. Ghluais Sùil-àluinn mu ’gorm shruth féin, A sùil an rachdaibh nan deur: Bu lìonmhor a sealladh gu caoin Air gaisgeach sàmhach nach faoin: Ach thionndaidh i a sùilean tlàth O shealladh an laoich thuathail. Mhosgail blàir mar fhorum nan nial; Ghluais dorran o ’anam mòr; Chunnas a ceuma le aiteas ’S a làmh gheal air clàrsaich nam fonn. ’Na chruaidh a ghluais an righ gun dàil; Bhuail e ’n sgiath chòsach ard, Gu h-ard air darach nan sìan, Aig Lubar nan iomadh sruth. Seachd copana bh’ air an sgéith, Seachd focail an righ d’a shluagh, A thaomadh air osnaibh nan speur, Air fineachaibh mòr nam Bolg. Air gach copan tha reul de ’n oiche, Ceann-mathann nan ros gun scleò, Caol-dearrsa o neul ag éirigh, Juil-oiche an truscan de cheò. Tha Caoin-chathlinn air carraig a’ dealradh, Reul-dùbhra air gorm-thonn o ’n iar Leth cheileadh a sholus an uisge. Tha Beur-theine, las-shuil nan sliabh [TD 177] [Laideann] [TD 178] Sealladh sìos o choille san aonach Air mall shiubhal sealgair ’s e triall Ro’ ghleannan an dùbhra braonach Le faoibh ruadh-bhuic nan leum ard. Tomhail am meadhon na sgéithe Tha lasadh Tuinn-theine gun neul, An rionnag, a sheall ro’ ’n oiche Air Lear-thonn a’ chuain mhòir; Lear-thonn, ceann-feadhna nam Bolg, An ceud fhear a shiubhail air gaoith. Leathan sgaoil siuil bhàn an righ Gu Innis-fàil nan iomadh sruth. Thaom oiche air aghaidh a’ chuain, Agus ceathach nan truscan dubh, Bha gaoth a’ caochladh dlùth san speur; Leum luingeas o thonn gu tonn; ’Nuair dh’ éirich Tonn-theine nan stuadh, Caoin shealladh o bhriseadh nan nial. B’ aiteas do Lear-thonn tein iuil nam buadh, A’ dealradh air domhan nan sìan. Fo shleagh Chathmoir nan colg sean, Dhùisg an guth a dhùisgeadh baird: Thaom iad dubh o thaobh nan sliabh Le clàrsaich ghrinn ’s gach làimh. Le aiteas mòr sheas romp’ an righ, Mar fhear siubhail ri teas là ’n gleann, ’Nuair chluinneas e fada san réidh Caoin thorman sruthain nam beann, [TD 179] [Laideann] [TD 180] Sruthain a bhriseas san fhàsach O charraig thaoibh-ghlais nan ruadh-bhoc. “C’ ar son a chluinneam guth ard an righ ’N àm codail an oiche nam fras? Am facas tanas nach beò Measg d’ aisling ag aomadh glas? Air neul am bheil an àiteach fuar A’ feitheamh fonn Fhonnair nam fleagh? Is lìonmhor an siubhal air réidh, Far an tog an sìol an t-sleagh? No ’n éirich ar crònan air thùs Mu ’n fhear nach tog an t-sleagh gu brath, Fear chosgairt air gleann nan slòigh O Mhòma nan iomadh bad? Ni ’n dì-chuimhn dhomh dorchadh nam blàr, Chinn-fheadhna nam bard o thùs, Togar cloch dha aig Lubar nan carn, Aite-còmhnuidh do Fholdath ’s d’a chliu: Ach taom m’ anam air àm nan laoch, Air na bliadhnaibh san d’ éirich iad suas Air tonn Innis-uaine nan colg. Ni ’n aiteas do Chathmor a mhàin Cuimhne Lumoin, innis uaine na slòigh; Lumon, talamh nan sruth, Caoin chòmhnuidh nam bàn-bhroilleach òigh. Lumon nan sruth, Tha thu dealradh air m’ anam féin; Tha do ghrian air do thaobh [TD 181] [Laideann] [TD 182] Air carraig nan crann bu trom. Tha d’ eilid chiar, Do dhearg bàr mhòr am measg nam bad A’ faicinn air sliabh An colg-chu a’ siubhal grad. Mall air an réidh Tha ceumna nan òigh, Oigh làmh-gheal nan teud ’S nam bogha crom sa’ mhagh, Togail an gorm shùl tlàth O ’n leadan barr-bhuidh air sliabh nam flath. Ni bheil ceumna Lear-thonn sa’ bheinn, Cean Innis nan geug uaine. Tha e togail dubh dharach air tonn An camas Chluba nan iomadh stuadh, ’N dubh-dharach a bhuain e o Lumon Gu siubhal air aghaidh a’ chuain. Thionndaidh òighe ’n sùilean tlàth O ’n righ ma’ n tuiteadh e sìos: Ni ’m facas leo riamh an long Ciar mharcach a’ chuain mhòir. Ghlaodh a nis an righ a’ ghaoth Measg ceò na mara glais. Dh’ éirich Innis-fàil gu gorm. Thuit gu dian oiche nam fras. Bhuail eagal clann Bholga gu luath Ghlan neoil o Thonn-theine nan stuadh. An camas Chùlbeinn’ dh’ àitich an long, [TD 183] [Laideann] [TD 184] Far am freagradh a choille do thonn: Bu chopach an sin an sruth, O charraig Dubh-umha nan còs, San dealra tanais nach beò Le ’n cruthaibh caochlach féin. Thàinig aisling gu Lear-thonn nan long, Seachd sàmhla de na linne nach beò; Chualas an guth briste trom. Chunnas an sìol an ceò, Chunnas sìol Atha nan colg, ’S an clann, cinn-uidhe nam Bolg: Thaom iad am feachda féin, Mar cheathach a’ tearnadh o ’n bheinn, ’Nuair a shiùbhlas e glas fo ’n osna Air Atha nan iomadh dos. Thog Lear-thonn talla Shàmhla Ri caoin fhonn clàrsaich nan teud. Dh’ aom eilid Eirinn o ’cheumnaibh Aig aisridh ghlas nan sruth. Ni ’n dì-chuimhn da Lumon uaine, No Flathal gheal-làmhach nam buadh ’S i coimhead air marcach nan tonn O thulaich nan eilid ruadh. Lumon nan sruth; Tha thu dealradh air m’ anam féin.” Mhosgail gath soluis o ’n ear; Dh’ éirich ard chinn cheathach nam beanan; Chunnas air cladach nan gleannan [TD 185] [Laideann] [TD 186] An crom chaochain ghlas-shruthach féin. Chualas sgiath Chathmhoir nan colg; Mhosgail sìol Eirinn nam Bolg Mar mhuir dhomhail ’nuair ghluaiseas gu geur Fuaim eiti air aghaidh nan speur Taomadh tuinn o thaobh gu taobh Ag aomadh an glas cheanna baoth Gun eòlas air siubhal a’ chuain. Trom is mall gu Lòn nan sruth Ghluais Sùil-malla nan rosg tlàth: Ghluais is thionndaidh ’n òigh le bròn A gorm shùil fo shileadh blàth. ’Nuair thàinig i gu carraig chruaidh Dubh chromadh air gleannan a Loin, Sheall i o bhriseadh a céille Air righ Atha—dh’ aom i sìos. Buail teud, a mhic Alpain nam fonn. Bheil sòlas an clàrsaich an neoil? Taom air Oisean, a ’s osan gu trom, Tha ’anam a’ snàmh an ceò. Chualas thu, bhaird, a’ m’ oiche: Ach siùbhladh fonn eutrom uam féin. ’S aiteas caoin thuradh do Oisean Am bliadhnaibh chiar na h-aoise. A dhroighionn uaine thulaich nan taibhs, A thaomas do cheann air gaoith oidhche, Ni bheil d’ fhorum na mo chluais féin, No faiteal tanais na d’ ghéig ghlais. [TD 187] [Laideann] [TD 188] Ach ’s lìonmhor ceum nam marbh bu treun, Air osna dubh-aisridh na beinn’, ’Nuair ghluaiseas a’ ghealach on ear, Mar ghlas-sgéith dubh shiubhal nan speur. Ullin, a Charuill, a Raoinne, Guthan aimsir a dh’ aom o shean, Cluinneam sibh an dorchadas Shelma, Agus mosglaibhse anam nan dàn. Ni ’n cluinneam sibh shìl nam fonn: Cia an talla de neoil bheil ur suain? Na thribhuail sibh clàrsach nach trom An truscan ceò maidne is gruaim, Far an éirich gu fuaimear a’ ghrian O stuaidh nan ceann glas. [TD 189] [Laideann] [TD 190] [Blank] [TD 191] TEMORA. CARMEN OCTAVUM. [TD 192] [Blank] [TD 193] [Laideann] [TD 194] TIGHMORA. DUAN VIII. v. 1 17. MAR ghlacas gaoth gharbh reoidh fo ghruaim Ciar lochan càthair nan ruadh bheann; Mar ghlacas ’s an oiche na fuaim, Caol ruinne na fuar thonna thall Sgaoileadh truscan de eith m’ an cuairt, Geal fo shùil maidne an t-sealgair Tha uisge nan garbh charn a’ gluasad, Réir barail na tonna a’ falbhan. Faoin fhorum tha marbh m’ a chluasaibh, Gach tonn dhiubh a’ dealradh an sàmhchair Fo gheugaibh is bhàrr ruadh an fheoir, Tha critheadh ’s a feadadh fo ghaoith Air an àiteachaibh baoth fo reòdh: Cho sàmhach ’s cho glas a bha’ n sluagh Ri madainn dol suas o ear, Gach gaisgeach o ’cheann-bheart de chruaidh A’ sealltuinn air cruaich an righ, [TD 195] [Laideann] [TD 196] Cruaich Fhionnghail thall fo nial, A gharbh cheum a’ dol sìos an ceò. Air àm a chìte an t-ard threun Leth fhaicte an leus a mhòir airm; O smuainte gu smuainte ghluais còmhrag Ag iadhadh gu domhail m’ a chliabh. Mar so a ghluais a mach an triath; Lann Luinne nam beum a’ soillseadh; Sleagh fhada a’ druideadh o nial, Leth fhaicte a sgiath ’s i boillsgeadh. ’Nuair a thàinig e uile fo cheum Le ’liath chiabh ag éirigh ri gaoith Fo dhealt a’ taomadh m’ an cuairt, Ghluais a suas garbh fhuaim nan sluagh Thar an cinneachaibh buaireadh gu strì, Iad a’ sgaoileadh an dealra m’ an cuairt Le ’n uile sgiath’ fuaimear m’ an righ. Mar so tha gluasad glas a’ chuain M’ an cuairt do fhuath o chruach nam beann, ’Nuair a thearnas e ’n gaoith air na stuaidh, Fear astair fo ghruaim fada thall A’ togail a chinn thar a’ bhruaich ’S e coimhead air bruailleinn a’ chaoil, E saoilsinn gu ’m faicear an cruth Leth dhubh am measg comhstri nam beuc, Garbh thonna fo àilghios m’ an cuairt, Gach baoth dhruim a’ buaireadh fo chop. Fada thall mac Mhorni nam beum, [TD 197] [Laideann] [TD 198] Mac Dhuthno thréin is bard caoin Chòna. Sheas iadsa, gach fear dhiubh gun fheum Fo gharbh-chrann fhéin gun chuimhn air còmhrag. Chum sinne o shùilibh an righ; Cha do bhuadhaich linn strì nan raon. Bha sruthan beag a’ taomadh sìos, Mi ’ga bhualadh gu thrian le sleagh, Gun m’ anam ag iadhadh r’a thaobh, Ag éirigh baoth o smaoin gu smaoin Mall osna o urlar mo chléibhe. “Shìl Mhorni,” thuirt righ nan sluagh; “A Dhearmuid, shealgair nan ruadh ciar, C’ uim a tha sibh cho dorcha san uair Mar charraige air chruachaibh nan sliabh Sileadh dubh uisge air an taobh? Cha ’n ’eil fearg air m’ anam gun fheum Ri gaisgeachaibh treun nan sluagh, Mo neart ann an còmhrag nam beum, Mo shòlas an sìth an déigh buaidh. Mo ghuth mar aiteal a’ dol suas Air madainn ’s na ruaidh fo shéilg, Og Fhillean cur a bhogh’ air sheoil. Cha ’n ’eil an sealgair sin sa bheinn, ’S e druideadh air leum nan ruadh. C’ uim tha sìol bhrisidh nan sgiath Cho fada so shìos fo dhùbhra?” Nuair dhirich ar ceum gus an triath, A shùilean a’ tionndadh ri sliabh Mhòra, [TD 199] [Laideann] [TD 200] Bha ’dheoir gu dlù a’ dol sìos Mu ghorm-shùileach òg na fiall chòmhradh. Ghlan dealradh a mhùig-se gu trian Am fianuis sgiathan leathan a’ chòmhraig. “Feuch Cromall nan carraige fo chrann Cathair na gaoithe, ’s an ceann fo cheò; Air an cùlaobh ’g iadhadh sa’ ghleann Tha Labha nan glan shruth ’s nam fiadh. Tha còs an eudan dhonn na carraige, Air an aird sgiath iolaire treun. Tha dorch roimhe sgaoileadh nan darag, Tha fuaim ri gaoith Chlunai sa’ bheinn An sin tha òg nan ciabh donn, Mac Chairbre nan rosg gorm, Ard righ nan sgiath leathan ’s nan sonn O Ullinn nan ruadh ’s nam mòr thìr. Tha ’chluas ri guth Chondain tha liath; Ag aomadh sìos an solus tha fann; Tha ’chluas ris; tha nàimhde an triath ’N Tighmòra nam fuaim nach gann. Thig esa mach o àm gu àm An cearb nan ceòtha gus na ruaidh. ’Nuair a sheallas a’ ghrian air a’ ghleann, Cha ’n fhaicear e thall air a’ chruaich Aig carraig no ri fuaim nan sruth, E ’ga cheileadh o Bholga nan triath, Tha còmhnuidh an ceud thall’ a shinns’re: Innis da gu ’n togas an t-sleagh, [TD 201] [Laideann] [TD 202] Is h-eagamh gu ’n leagh a nàimhde.” “Shìl Mhorni, tog-sa suas an sgiath, A Dhearmuid tog ciar shleagh Thighmòra; Biodh do ghuth sa, a Charuill, tha liath, Le ’n gnìomhaibh gu sìol nam mòr thriath; Thoir a rìs e gu taobh Mhoiléna, Raon ciar nam beum ’s nan thaibhs; An so buaileamsa còmhrag leam féin, An gleann cumhann nan ceud garbh ghnìomh. M’ an teiring sìos an oiche dhonn, Thig-sa gu lom Dhun-mòra. Coimhid o chiarad nan tom, O na cheò is e trom is domhail Mu Léna nam mòr shruthan mall; Ma chithear mo bhrataiche caola Air Lubar nan glas lubadh caoin, Cha do ghéill an comhstri nan laoch An raon deiridh a’ bhaoith chòmhraig.” Mar sin a chualas focuil an triaith: Cha do fhreagair o ’n triall na treuna Iad a’ sìneadh an ceuma balbh A’ sealltuinn ’s a’ falbh, o ’n gruaidh Air sluaigh, is gruaim, is fuaim na h-Eirinn, Iad a’ dorchadh air astar nan sliabh. Cha do thréig iad an righ roimh riamh Ann am meadhon nan sgiatha stoirmeal. An déigh nan triath le chlàrsaich mall Ghluais Carull fo cheann a bha liath; [TD 203] [Laideann] [TD 204] Chunnaic e bàs sluaigh anns a’ ghleann, ’S bu bhrònach is fann am fonn, Mar aiteal caoin gaoith bha ’m fuaim, Ma seach thig fo ghruaim air Légo Mu lochan nan cuilc a tha ruadh, ’Nuair a thearnas air gruaidh sealgair Caoin chadal air còineach nan còs. “C’ uim a tha aomadh a’ bhaird o Chona,” Thuirt am mòr righ, “thar sruthan dìomhair? An àm so do bhròn is do dhòghruinn, Athair Oscair, nach còmhnuidh an sìothaimh? Biodh cuimhne air gaisgich an sith, ’Nuair nach cluinnear air strì na gruaim Mu sgéith bhallaich an cruadal nam blàr. Aoms’ an sin am bròn thar sruth, Air am buaileadh gaoth fhuar nan cruach; Biodh san àm sin d’ anam fo dhubh Mu na gorm-shuilich sìnnte an uaigh. Tha Eirinn ag iadhadh a’ chòmhraig Gu leathan, gu mòr, gu dorcha. Tog, Oisein, do sgiathsa air chòmhla; Tha mi m’ aonar sa’ chomhstri, a thréin.” Mar thig guth fuasach o ghaoith Air long an caol-ghlas Innis uaine ’G a bualadh ro’ ’n doimhne tha faoin, Ciar mharcach nam baoth thonna mòra; Mar sin chuir guth uaibhreach an righ Mòr Oisian gu strì nan sleagh. [TD 205] [Laideann] [TD 206] Thog e suas a’ chruaidh an soillse, An cearb dhubh gun bhoillsge a’ chòmhraig, Mar eudan re’ leathan gun tuar, An iomall chiar nam fuar nial, Seal m’ an éirich an stoirm air chuan. Ard-fhuaimneach o chòinich Mhòra, Thaom gu domhail còmhrag sgiathach. Treun Fhionnghal a’ gluasad a’ mhòir shluaigh, Righ Mhòirbheinn nan scorr-shrutha ciara. Sgiath iolair a’ sgaoileadh san ard, A liath-fhalt a’ taomadh m’ a ghuaile, Gharbh cheuma mar thorrunn nan carn. ’S tric a sheas e, ’s a shealladh m’ an cuairt, Teine losgadh o bhuaireadh nan arm. Bu choslach e ri carraig chruaidh, Fo liath eith am bruachaibh nan àld, A’ choille fo ghaoith, is i fuaim; Srutha dealradh m’a gruaidh ’s m’a ceann, Sgaoileadh ard an cobhar air osaig. A nise bhuail e còs craig Lubair, Is Fillean air chùlaobh an suain. Bha Bran ’na shìneadh air a sgéith, Ite fir còrr a’ strì sa’ ghaoith: Glan o fhraoch chìte thall Ceann cruaidh sleagh fhada an laoich. Thog an dòghruinn do anam an triath, Mar dhubh ghaoith tha fiaradh air loch. Thionndaidh e ’cheuma air an t-sliabh, [TD 207] [Laideann] [TD 208] ’Se ’g aomadh o ’sgéith air a shleagh. Leum Bran an uchd bhàin gu luath, Gu astar righ nan sluagh le sòlas: Thàinig e ’s a shealladh air uaigh Anns na shineadh ’na shuain an sealgair. Moch ’sa mhadainn b’ annsa do threun Fuaim faoghaid mu bheinn nan ruadh. An sin bha sileadh sìos de dheoir, O ’anam mòr, an righ fo ghruaim. Mar thaomas an ardaibh nan gaoth, Stoirm uisge o fhaobhar nan cruach, Ag fàgail shruth glan san fhraoch; Grian a’ dearrsadh air aonach nan stuadh; Ceanna uaine nan tom fo fheur: Mar sin a ghluais an dealra baoth O chòmhrag air laoch nan triath. Leum e air a shleagh thar Lubar, Is bhuail gu cùl a mhòr sgiath. Bha aomadh is taomadh an t-sluaigh, Le ’n uile ruinn chruaidh gu blàr. Chual Eirinn gun eagal am fuaim; Leathan ghluais i a sluagh gu réidh. Bha Malthos ciar an sgiath an raoin, Le sealladh nach faoin fo dhubh fhabhraid; Is teann air bha, dealradh sa’ ghleann, Gath soluis nam bard ’s nan triath, Hidalla, bha riamh cho ciuin. Bha gruaim Mhathronnain sa’ chruaich, [TD 209] [Laideann] [TD 210] Rosga sealladh o ghruaidh air nàmhaid. Air sleagh bha Clonar nan gorm sgiath, Cormar ciar nan ciabha mòra Gu domhail fo chomas na gaoithe. Mall, o chùl tòrr ard nan còs Ghluais gu mòr cruth còrr righ Atha; An dà shleagh a’ dealradh ’na làimh, Is leth a ghlais sgéith thall ag éirigh, Mar ghath teine an oiche dol suas Air beanntaibh ruadh nam fuar thaibhse. ’Nuair a dhealradh leis uile am fàire, Thaom an sluagh am buaireadh strì. Bha sradadh dearg dealain na staillinn A beumadh ’s a’ snàmh o dhà thaobh. Mar thach’reas am bruailleinn dà chuan Le ’n uile stuaidh, fo fhuaradh shian An àm dhoibh faireachadh fo ghruaim Ard chomstri cruaidh nan gaoth ’s nan nial An caol ghlas Lumoin nan crag fiar; Air faobhar chruachan ard nam fuaim Faoin astar nam fuath gun leus; O ’n osaig tha thuiteam air cuan Ard choille o chruaich gach beinn Measg cobhar is iadhadh nan torc: Mar sin a thaom sa’ chéile an sluagh; Nis Fionnghal nam buadh, nis Cathmor Ard leumadh a mach air a’ chruaich, Dubh aomadh a’ bhàis air dà thaobh, [TD 211] [Laideann] [TD 212] Liath dhealradh o chomhstri na cruaidhe, A’ leantuinn suas gairbh astair nan triath, ’S iad a’ sìneadh an ceuma fo fhuaim, Gearradh sìos garbh fhaobhar nan sgiath. Thuit Mathronnan fo làimh an righ, Sìnnte sìos thar strì nan sruth; R’a thaobh thionail uisge na frith Liath leumadh thar aomadh a sgéithe. Bhuail Cathmor an Clonar a chruaidh; Cha do thuit e gun tuar air làr; Ghabh darag a’ chiabh bha m’a ghruaidh, A gharbh cheann-bheart a gluasad mall; Tuitidh deoir o Thlàthmhìn san talla Fo eirigh uchd banail na fiall. Cha do dhi-chuimhn mise féin Sleagh fhada nan treun an còmhrag. Bha aomadh nam marbh fo mo bheum, Os Hidala sun fheum sa’ chomhstri. A chaoin ghuth Chlonrath nan sruth ciar, C’ uim a thogas air triath a’ chruaidh? Truagh! nach tach’readh an talla fial, An strì mu ’n iadhadh na luaidh? Chunnaic Malthos ìosal an triath; Ghlac dubhar a thriall ’s, e gun chli: Air dà thaobh liath àldain nan sliabh Chrom sinn an ciaradh na strì. Théiring sìos an speur air a’ chuan; Bhris gutha m’ an cuaírt o fhiar ghaoith, [TD 213] [Laideann] [TD 214] An truscanaibh teine gach cruaich, Garbh thorrunn a’ fuaim o cheò baoth. An dùbhra shìolaidh sìos an nàmhaid; Sheas Mòrbheinn gun chàil is gun tuar; Bha m’ aomadh thar sruthan a’ chathair Measg forum nach gann mu mo chluais. ’N sin chualas guth fuasach an righ, Is toirm shìl Bholga o strì. Chìt’ an treun o àm gu àm An dealan a cheum, nach robh mall. Bhuail mi sgiath chaismeachd nam fuaim, Mi sìneadh Alnecma nan sluagh; Iad ag iadhadh an ciaradh nan gleann Fo cho-thional mùig, nach ’eil gann. Sheall a’ ghrian gu ’trian a nial; Ceud sruthan dol sìos an soillse. Bu mhall an ceò air thaobh’ nan sliabh, Air eudan nan liath-charn a’ boillsgeadh. C’ àit’ am bheil na gaisgich treun? Mu shruth, mu bheinn, mu chraoibh o ard? Mi clunntinn fuaim arma nam beum: Tha ’n strì-sa mu iadhadh nan carn, An achlais dhubh mhall nan ceò. Mar sin tha strì nam fuath thaibhs féin An oiche dhubh, air beinn nan nial, Iad a’ comhstri mu sgiathaibh garbh treun Gaoith gheamhraidh, tha beumadh nan sian, Thar taomadh is aomadh nan tonn. [TD 215] [Laideann] [TD 216] Ghluais mi thall; theich liath cheò mall; A’ dealradh fann sheas iads’ aig Lubar, Treun Chathmhor ri carraig nan àld Leth aomta air sgéith, ’s e fo dhùbhra, A ghabh gu cùl sruth ùr nan carn, Bha leum o charraig nan dos liath. Bha ceuma garbh an righ gu triall; Ach chunnaic e am fial fo fhuil; Thuit glas lann Luinne r’a thaobh; Labhair e ’s a shòlas a dorchadh. “An géill mac Bhorbair nan corn fial, No ’n togar leis sgiach is sleagh? Cha ’n ’eil d’ ainmse fo shanas, a thriath, An ard Atha a’s ciara magh, Talla mòr nam fleagh ’s nan sàr; Thàinig e mar aiteal thar stuaidh Gu mo chluais an tìr nam beann. Thig-sa gu mo chuirmibh, a thréin; Bithidh gaisgich fo bheud air àm. Cha teine do nàimhdibh mi féin; Cha shòlas do threun mu mharbh No calmai garbh air làr an còmhrag. Is eòlas dùnadh lot dhomh féin Gach dìthan tha ’m frìth no ’n gleann; Ghlac mi ’n caoin cheanna sa’ bheinn, ’S iad ag aomadh mu shruthaibh thall Fo charnaibh, bu dìomhaire gaoth. Is dorcha sàmhach am mòr thriath, [TD 217] [Laideann] [TD 218] Righ Atha nan ciar shruth ’s nan dàimh.” “Aig Atha, ’s ciara sruth, Tha éirigh carraig dhuibh fo chòinich; Air a ceannn tha seachran nan geug Fo bhaoth astar nan treun ghaoth; Dorcha fo h-eudan tha còs Ri glan shruthan is mòr fuaim: Anns an àite sin féin, a thréin, Chuala mi ceuma nan dàimh, ’Nuair a ghluais iad gu talla nan teud Is nan slige gun bheud fo dhàn; Las sòlas mar theine dhomh féin Air m’ anam mu charraig nan crann. Biodh, an dorcha, an so mo chòmhnuidh An gleannan còmhnard m’ eòlais féin. O so bidh mo dhìreadh gu luath Air aiteal tha ruagadh nan cluaran, Is coimhdidh mi sìos gun ghruaim Air Atha nan cruach is nan sruth.” “C’ uim a labhras an righ m’ an uaigh? Oisein, thréig a thuar an laoch! Biodh sòlas mu anamsa shuas Mar shruth a tha fuaim gu baoth, Ard Chathmor, ceann faoili nan dàimh. A mhic, tha mo bhliadhna m’ an cuairt, Iad a’ sanas an cluasaibh an righ, Iad a’ glacadh mo shleaghsa uam, Dol thairis gun luaidh mu strì. [TD 219] [Laideann] [TD 220] “C’ uim nach sìolaidh,” their iadsa féin, “Liath Fhionnghal o fheum ann a thùr? Bheil do shòlas an lotaibh nam beum? An deuraibh nan treun fo mhùig? A liath bhliadhna, sìolaidh mi féin; Cha ’n ’eil sòlas no feum am fuil. Tha deura mar gharbh ré nan speur Cur anam fo bheud ’s fo dhubh. ’Nuair a shìneas mo shlios sìos an sìth, Guth garbh nam baoth strì ’am’ chluais ’Ga mo mhosgladh an talla nan righ ’S a’ tarruing gun chli mo chruaidh.— Cha tarruing sin mo chruaidh ni ’s mò: Glacsa sleagh d’ athar, a thréin fhir; Tog suas i an còmhragaibh còrr, ’Nuair a ghluaiseas a mhorcuis gu beuma. “Tha mo shinns’re air mo thriall, Mo ghnìomha do thriathaibh fo ’n sùilibh. ’Nuair ghluaiseas mi a mach air sliabh, Air mo raonsa tha liath an dùbhra. Chum mo làmh na lagaich o bheud, ’S leagh mòrchuis gun fheum fo m’ fheirg, Gun sòlas mu thuiteam nan treun Mo shùile ag iadhadh mu leirg. Tach’ridh mo shinns’re mise thall Aig talla nan garbh ghaoth fhiar An truscanaibh soluis neo-ghann, Sùile lasadh gu mall do thriaith. [TD 221] [Laideann] [TD 222] Do dhonaibh an armaibh gun fheum Mar ré iad an dùbhra nan speur, Tha trusadh tein oiche m’a gruaidh Dearg sheachran air eudan gun tuar. “Athar nan triath ard, o Thréinmhoir, Thus’ tha chòmhnuidh leat fhéin am fiar ghaoith, Mo shleaghsa do Oisian nam beuma; Biodh do shùile fo shòlas a laoich, Chunna mise féin thu air àm An dealra neo-fhann an neulaibh. Mar sin biodh do shealladh neo-ghann Mu mo mhacsa, ’s e togail na sgéithe; Mar sin bidh cuimhne air ard threun, Air do mhòr ghnìomh, a thriath nan garbh bheum. Cha ’n ’eil annad fhéin ach gaoth.” Shìn e ’n t-sleagh mhor do mo làimhse, Is thog e air ard clacha ciar Gu labhairt mu iadhadh àm-sa, ’S an liath cheann an còineach nan sliabh. Fo chloich dh’ àdhlaic triath a lann ’S glan chopan o shlios a sgéithe; E dorchadh fo smuaintibh neo-ghann; Bhris focail gu mall o ’chliabh. “’Nuair thuiteas tusa, chlach, fo smùir, ’S tu air chall am measg còineach nam bliadhna, An sin thig fear siubhail o chùl E feadadh air t’ùir, ’s è triall. Cha ’n aithne dhuits, a laig gun fheum, [TD 223] [Laideann] [TD 224] So monadh Mhoiléna fo chliu, Anns na ghéill an righ a shleagh fhéin An deireadh a bheum’ air an raon. Grad o fhianuis, a thrian de thuar, An deireadh nam beum gu’ n cùl. Cha ’n ’eil cliu no luaidh ann do ghuth; Do chòmhnuidh mu chaochan chruach, Tha do bhliadhna gu luath fo dhubh Cha bhi cuimhne no luaidh ort fhéin, Fhir a’s dona sa’ bheinn fo cheò. Tha mo chlius’ an truscan nan treun, Gath soluis do ’n àm nach ’eil beò: Shiubhail mise a mach an cruaidh Shaoradh laigse gun bhuaidh an armaibh.” E lasadh suas ’na chliu mòr féin Grad sgaoil an treun a cheuma còrr Fo fhuaim daraig Lubair sa’ bheinn, Thar taomadh is beucadh sruith mòir Ag iadhadh sìos o thòrr an soillse. Gorm raona caol fo aomadh cruaich Caoin thoirm nam fuaran shuas o charn Bha sgaoile brataich mhòir nan sluagh A’ taomadh air fuar ghaoith nam beann. So chomhara iuil an òig righ O fhaoin nam frìth an dìomhair gleinn. Glan bhriseadh an athair o iar, Sheall grian a’ dol sìos o speuraibh: Chunnaic an treun na sluaigh air sliabh! [TD 225] [Laideann] [TD 226] Chual e guth an t-sòlais m’a cheumaibh Briseadh ’s a’ sgaoileadh m’ an cuairt, Glan dearrsa dol suas o chruaidh. Ghlac aiteas còrr cridh mòr an righ, Mar shealgair ’na ghleann uaine féin ’N déigh frasa tha sìoladh am frìth. Carraig ghlas tha boillsgeadh air beinn, An droighionn gorm air sgoirm nan carn ’S e crathadh a chinn air gaoith mhall, Na ruadha coimhead o ’n àiridh. Liath thall aig còinich chaoin nan còs Chrom Claonmhal’ a cheann ’s e fo aois, Gun léirsin na shùilibh fo cheò. Air maide bard còr is e caoineadh. Glan làimh ris an siubhal a ciabh Sùilmhalla nan triath, is i fann Ri dànaibh thriath’ Atha nan sgiath Ann an laithibh na h-aois a bha thall. Ghluais forum a’ chòmhraig o ’chluais; Chaisg focuil fo bhuaireadh a chléibh, Mall osna gu dìomhair dol suas. Bha tanas’ nam fuath, their iad féin, Tric mar dhealan a’ beumadh a smuainte: Chunnaic e righ Atha an treun Fo chrom chrann na beinn’ air chùlaobh. “C’ uim a thàinig an dorch?” thuirt an òigh; “Shiubhail forum a’ chòmhraig uainn: Ann a dheireadh thig an righ còrr [TD 227] [Laideann] [TD 228] Thar còmhnard gu ’shruthanan ruadh. Tha grian a’ sealltuinn sìos o iar, An dubh cheò a’ fiaradh o ’n lòn E sgaoileadh gu tiugh air na sliabhaibh Mu luachair fo iadhadh nan tòrr. O cheò tha do thearnadh, a righ! Faic a cheuma cur sìos fo chruaidh. Thig do chòs Chlaoinmhail o strì, Shàir ghaisgich, do ’m bi mo luaidh.” ’S e tanas righ Atha a th’ ann, A gharbh cheuma mall, a chruth fo leus. Thuit esan an gearradh nan àld Ag iadhadh o charnaibh le beuc. “’S e ’n sealgair a th’ ann,” thuirt an òigh, Fear faoghaid nan tòrr mu na ruaidh: Cha ’n ’eil ceum da gu còmhrag nan seòd: Bhean ghasta ’s i òg, a luaidh ’S i feitheamh fo ghruaim na h-oiche. Tilleas esan o thaobh nan sliabh Le faobhaibh nam fiadh eilid dhonn.” Sùil àillidh na h-òigh’ mu na chruaich, Garbh thanas gun tuar a ’dol sìos, An sòlas a mhosgail i suas. Thuit esa fo ghruaim ’s e gu ’thrian: Shìolaidh an cruth gu mùgach thall Measg gaoith nan carn mall a’ triall. Bha h-aithne mu thuiteam an triath’; “Tha righ Eirinn nan sgiath air làr!” [TD 229] [Laideann] [TD 230] Na biodh cuimhn air a bròn gu thrian, Chaitheas anam na h-aoise gu barr. Thuit dùbhra dubh air taobh Mhoiléna, Liath iadhadh nam fiar shruth an gleann: Chualas guth Fhionnghail ag éirigh Is lasair o chiar chraobh nam beann. Thionail thall na sluaigh fo shòlas, Le sòlas leth dorcha fo ghruaim, A’ coimhead fo ’n gruaidhibh air mòr thriath Gun anam am mòrchuis san àm. Is caoin o fhàsaich nam faoin bheann Ghluais guth mall nan teud gu cluais, Mar thoirm nan sruth o shlios charn, Iad fada thall an gleann nan cruach Neo-throm air aomadh donn nan sliabh, Mar osag chiar air sgéith nan stuadh, ’Nuair a ghlacas i fear nan dos liath Am fiaradh na h-oiche fo ghruaim. ’S e focal chaoin Chondain a th’ ann, Is Carull le clàrsaichibh theud. Thàinig an gorm-shùileach a nall Gu Mòra nam mall shruth fo bheuc. Grad bhris na fonna o bhaird Air Léna nan carn ’s nan ard thòrr; A bhuail na slòigh uile an sgiath’ Measg tionndadh is fiaradh nam fonn. Ghlan solas an eudan an righ, Mar dhearrsa dol sìos o nial, [TD 231] [Laideann] [TD 232] Air aomadh uaine nam mòr fhrìth, Seal m’ an éirich an fhiar lom ghaoth. Bhuail e copan caismeachd a sgéith; Grad chaisg e na sleibh m’ an cuairt: Bha aomadh nan sluagh ris an treun, Ri guth an tìr féin thar na stuaidh. “Shìl Mhòirbheinn, sgaoilear an so fleagh; Cuirear thairis an oich am fonn; Tha ’n dearrsadh m’ an cuairt air magh; Shiubhail dùbhra nan torrunn a null. Mo shluagh so mo charraige treun O ’n sgaoilear sgiath iolair gu cùl, ’Nuair a shiùbhlas mi mach gu beum, Is mi glacadh dhomh féin mo chliu. Tha, Oisein, mo shleaghsa do làimh; Cha bhioran fann balaoich a crann, A chuireas an cluaran air chall, Air raon, is e mall ’na thriall. ’So sleagh nan garbh threuna an àm Chur sìneadh nan làmh gu bàs. Coimhid-sa ri sinns’ribh nan treun, Tha mar dhearrsa nam fuath o speur. ’Nuair a ghlasas caoin sholus air chuan, Gabh Artho nan sluagh ri d’ thaobh Gu Tighmòra, a’s fuaimeara stuadh; Cuir sa righre ghorm Eirinn fo ’shùil, Crutha àillidh thog cliu o shean Gun dì-chuimhn na thuit anns a’ bhlàr. [TD 233] [Laideann] [TD 234] Mosgail fonn do na sàir air an raon: Cuireadh Carull gu luaidh an dàn; Biodh sòlas mu ghluasad nan laoch An ceò maidne mu iadhadh nan carn. Eiridh am màireach mo shiuil bhàn Gu Selma nan crann ’s nan tùr Garbh shrutha tha fiaradh o ghleann Measg tuinidh nan ruadh fo mhùig. [TD 235] [Laideann] [TD 236] [Blank] [TD 237] CONLOCHUS ET CUTHONA. [TD 238] [Blank] [TD 239] [Laideann] [TD 240] CONLAOCH IS CUTHONNA. v. 1-20. AN cuala Oisian guth neo-fhaoin? No ’n gairm lài fo aomadh th’ ann? Tric mo smaoin air aimsir nan raon, Mar ghréin fheasgair, tha claon an gleann. Nuadhaichear mòr thorman na seilg, Sleagh fhada nam marbh am làimh. Is ceart a chual’ Oisian an guth. Co thusa, shìl dubhrai na h-oiche? Tha clann gun ghnìomh an suain fo dhubh, Gaoth am meadhon an tallai gun soillse. Tha sgiath an righ a’ fuaim air àm Ri osaig cairn, a’s àirde gruaim, Sgiath chopanach balladh mo thallai, Air an cuir mi car tamuil mo làmh. ’S ceart gu ’n cluinn mi mo chara’ féin; Is fada guth an tréin o ’luaidh! C’ uim astar air dubh-nial gun fheum, A shìl Mhorni nam beuma cruaidh? An gar dhuit cairde an triath fo aois, Sàr Oscar neo-bhaoth air cùl sgéith’? [TD 241] [Laideann] [TD 242] Is tric a bha ’n gaisgeach ri d’ thaobh, A Chonlaoich, ’n àm aomadh nan sleagh. TAIBHS CHONLAOICH. Bheil cadal air mìn-ghuth Chòna Am meadhon tallai fo mhòr-ghaoith toirm? An cadal do Oisian nan còrr ghnìomh, ’S an ro-chuan m’a chòmhnuidh fo stoirm? Cha ’n ’eil uaigh tha fo léirsinn an Innis. C’e fada bhi’s sinne gun chliu, A righ Shelma a’s fuaimear gleann? OISIAN. ’S truagh Oisian dh’a nach leir thu féin, Is tu suidhe gun fheum air do neul. An ceò thu bhar Lano, a thréin, No tein-athair gun bheum air sliabh? Co dhe tha cearb do thruscain baoith? Co dhe do bogha faoin nan speur? Shiubhail e air osaig de ghaoith, Mar fhaileus fo aomadh nan nial. Thigse o do bhalla féin, A chlàrsach nan treun le fuaim; Biodh solus na cuimhne air beinn I-thonn mu ’n éirigh an cuan. Faiceamsa mo chàirde an gniomh. Chi Oisian gu ’n trian na trein, Air Innis tha dubh-ghorm fo nial; [TD 243] [Laideann] [TD 244] Tha còs Thonn nan sìan ag éirigh Air carraig chòinich nan crom chrann: Tha sruth a’ torman’ aig a bheul; Tha Toscar a cromadh thar ’fhuaim; Tha Ferguth fo mhulad r’a thaobh, Cuthonn a’ caoidh fada shuas. Am bheil gaoth air aomadh nan tonn? No ’n cluinn mi air chrom an guth? TOSCAR. Tha ’n oiche fo ghaillinn nan sìan; Thuit coille gu ’n trian o chruaich; Tha dubh-shiubhal mara fo nial, Tha beucail nan fiar-thonn m’an cuairt. Thàinig tein-athair le beum, ’S le sealladh na fearnai do threun, Chunnaic mi, Fherguith gun bheud, An taibhs’ dona bha treun o’n oiche; Gun fhocal sheas e air bruaich, A thruscan cur fuaim air gaoith. Chunnaic mi dheura le truaigh, Sean duine gun tuar, is e baoth, ’S trom smaointe ag taoma mu chliabh. FERGUTH. ’Se d’ athair, a Thoscair, a bh’ ann; Tha e faicinn a’ bhàis m’ a shìol: Mar sin a bha choltas san àm [TD 245] [Laideann] [TD 246] ’S an thuit mòr Ronnan fo nial. O Eirinn! nan cnoc a’s uaine feur, Cia annsa leam féin do ghleinn! Tha sàmhchair mu ghorm-shruth do shleibh, Tha grian air do raoin gun bhi mall. Is sèimh fonn do chlàrsaich an Selma, Glan guth o do shealgair an Cromla. Tha sinne ’n Ithonn nan garbh thoirm, Trom is duilich fo mhara-bheuc thonn, Na tonna le geal cheanna baoth, Leum thairis air aomadh na tràgha; Mise crithe ann am meadhon na h-oiche. TOSCAR. C’àit’ na shiubhail anam a bhlàir, Dheagh Fherguith nan leadan liath? Chunna’ mis’ thu gun eagal o bhàs, ’S do shuilean dealarach an sòlas nan sgiath. C’àit’ na shiubhail anam a’ bhlàir? Cha robh eagal air sàra riamh. Gluais, coimhid air glas lom na sàil: Thuit a’ ghaoth le sàrachadh shìan; Tha crith air na tonna fo fhiamh Gu ’n caidil a’ ghrian an ciabh nan stoirm. Gluais, coimhid am mòr chuan, gu ’thrian Tha maduinn gu iar, is i liath. Seallaidh solus nan speura o ear, Le mòr-chuis, mar fhear, m’a shoillse. [TD 247] [Laideann] [TD 248] Sgaoil mise mo shiuil le sòlas Fo thalla ard Chonlaoich nan triath; Mo thurus gu Innis gun chala. Glan Chuthonn’ air tòir nan agh’ ciar Chunnaic mi, mar dhearrsa na soillse, Teachd na bhoisge o na nialaibh; A leadan mar dhubh-chùl na h-oiche, Air geal urla ag éirigh gu dian. I ’g aomadh, a’ tarruing an teud, A ruighe glan air a déigh a’ dol sìos, Mar shneachda air Cromla gun bheud. Thigse gu m’ anam, a làmh-gheal, Bhan-sealgair na sàr innis faoin. Tha h-uaire fo dheuraibh gun àireamh; Tha i smuaine air Conlaoch neo-bhaoth. C’ àite ’m bheil do shìthse, òigh, Chuthonn na mòr throma chiabh? CUTHONNA. Craig chorrach tha g’ aomadh air sàil, Liath chranna fo aois le coinich; Na tonna a’ gluasad mu thràigh; Air a thaobh Innis bhlàth nan ruadh: An sin tha g’ éiridh tùir mo rùin. Oighean na seilge thill o ’n bheinn: Chunnaic e ’n sealladh air chùl. C’ àite nighean Rumair nam beum? Cha do fhreagair na h-òighean fo ghruaim. [TD 249] [Laideann] [TD 250] Tha mo shìth-sa air cruachan Mhòrai, Shìl innis na tìr fada shuas. TOSCAR. Tilleadh an òigh gu sìth-sa féin, Gu talla nan teud aig Conlaoch: Is caraid do Thoscar an treun; Bha fleagh do mo réir ’na mhòr thìr. O Eirinn éireadh osag thlàth Cur seòla gu tràigh na Morai, Air Mòra, tha sàmhchair do ’n òigh ghlain. Lài Thoscair tha snàmh gu dòghruinn. Suidhidh mise an còs fo dhian ’S mi sealladh air grian an raoin; Tha aiteal ’sna crannaibh o’ nial ’S gu ciuin tha glan ainnir neo-fhaoin, Cuthonn nan aoidh le ’guth bròin. Ach is fada o mo chluais an òigh An talla Chonlaoich nan corn fial. CUTHONNA. C’ e an nial tha tuiteam orm féin, Tha ’g iomrachadh mo threuna shuas? Tha mi faicinn an truscainn gun fheum, Mar liath cheò air astar mo chruaich. C’ uin a thuiteas mi, Rumair thréin? Tha mulad mo chléibh gu mo bhàs. Nach fhaicinnse Conlaoch nam beum, [TD 251] [Laideann] [TD 252] Mus tuit mi an tigh chaol gun chàil? OISIAN. Chi thus, a ghlan òigh, do rùn féin; Tha astar an tréin air a’ chaol, Bàs Thoscair a’ dorchadh m’a shleagh. Tha lot, is e dubh, ann a thaobh, Gun tuar e aig tonna nan uamh, Is e feuchainn a chruth is e baoth. C’ ait’ am bheil thu féin le d’ dheòir, ’S ard thriath na Mòrai gu bàs? Thréig an aisling ghlas mo chliabh; Cha ’n fhaic mi na triatha ni ’s mò. A bharda nan àm a tha gun triall, Cuiribh cuimhn’ air Conlaoch le deoir, Thuit an gaisgeach roimh iomall a lài; Lion dorcha a thalla le bròn. Sheall a mhathair air a sgiath air balla; A’s bha snàmh na fala ’ga còir. B’ aithne dhi-sa gu ’n thuit thu, a thréin; Chualas a guth fo bheud am Mòra. Am bheil thu, òigh, gun tuar gun fheum Air taobh gaisgeich nam beum, Chuthonn? Tha oiche tighinn; tillidh ghrian Gun duine gu ’n toirt sios gu ’n uaigh; Tha thusa cur eunlaith fo fhiamh; Tha do dheura mar shìan mu do ghruaidh; Tha thu fhéin mar nial a’s e glas, [TD 253] [Taobh-duilleig 153 san leabhar fhèin] [Laideann] [TD 254] Tha ’g éirigh gu fras o lòn. Thàinig sìol Shelma o ’n ear, Is fhuair iad Cuthonn gun tuar; Thog iad an uaighean gu léir; ’S bha fois d’i ri Conlaoch nam buadh. Na gluais-sa gu m’ aisling, a thréin; Fhuair Conlaoch nam beum a chliu; Cùm fada do ghuth o mo thalla; Tuiteadh cadal fo fhaileus na h-oiché. Truagh! nach dichuimhnichin mo chàirde Gus nach fhaicear air ard mo cheum Gus an tighinn le sòlas na ’n gara, An dheighs mo chairis gun fheum Le beud na h-aois chuir ’sa chaol-tigh fhuar. [TD 255] [Laideann] [TD 256] [Blank] [TD 257] NOTES. [TD 258] [Blank] [TD 259-88] NOTES TO TEMORA [Beurla] [TD 289] NOTES TO CONLAOCH AND CUTHONA. [Beurla] [TD 290] [Blank] [TD 291-331] TRANSLATION OF THE ABBÉ CESAROTTI’S DISSERTATION [Beurla] [TD 332-359] NOTES BY THE TRANSLATOR OF CESAROTTI’S DISSERTATION. [Beurla] [TD 360] [Blank] [TD 361-485] SUPPLEMENTAL OBSERVATIONS ON THE AUTHENTICITY OF OSSIAN’S POEMS. [Beurla] [TD 486] THE ORIGINAL EPISODE OF FAINEASOLLIS, as found among the late MR. MACPHERSON’S Papers, referred to p. 456, Supplemental Observations. MHIC mo mhic; ’se thuirt an righ, Oscair a righ nan òg fhlath! Chunnaic mi dearrsa do lainn Mar dhealan bheann san stoirm. Thuit an namh fo d’ laimh san iomairt Mar dhuilleach fo osaig gheamhrai. Lean gu dlu ri cliu do shinnsir, A’s na dibir bhi mar iad san. ’Nuair bu bheo Treunmor nan rath, As Trathal athair nan treun laoch, Chuir iad gach cath le buaidh, A’s bhuannaich iad cliu gach teùgmhail. Mairi marsin an iomra san dàn, ’Sbithidh luaidh orr’ aig baird nan deìgh. Oscair! claoidhsa lamh threun a chòraig; Ach caomhuinn an conui ’n ti ’s laige. Bi mar bhuinn’-shruth rèthoirt geamhrai, Cas ri namhaid trom na Feinne; Ach mar àile tlà an t samhrai Dhoibhsan ata fànn nan eigin. San marsin bha Treunmor riamh, ’S bha Trathal gach ial mar sin, Ghluais Cumhal na ’n ceumaibh corr, ’S bha Fionn an conui leis an lag. ’Nan aobhar shinean mo lamh, ’S le failte rachain nan coinneamh, [TD 487] [Beurla] [TD 488] A’s gheibheadh iad fasga, a’s caird, Fo sgàil dhrillinich mo lainne. Tàir cha d’ rinneas air aon neach Air laigid a neart anns an strì. Fuil mo namh cha d’ iaras riamh Na ’m bu mhiann leis triall an sìth. Ach cuim’ an cuireadh righ nam fàsach Uaill a cruas a lamh o shean, A’ ni tha lathair glas fo aois Feuchaibh e nach b’ fhaoin mi ’n sin. Mar thusa, Oscair! bha mi og, ’Nuair sheoil Fainesoilse nall, An gath greine ’n eidi gaoil O righ Chraice dh’ eighte ’n oigh. O bheinn Gholbuinn thionnda leam, ’S ro bheag air mo chùl de shluagh, Chunnas barca breidgheal fo m’ rosg Mar cheathach air osaig a chuain. ’Nuair a dhruid i nall am chòir, Chunnas oigh a chleibh aird bhain. Bha osnaich a fuilt air a ghaoith, A gruai dhearg mar chaor fo dheoir Thuirt mi, “oigh na maise,” ciuin, Carson osna bhruit a’ d’ chliabh? Am feudar leams’ ged’ tha mi og Tearmunn thoirt do oigh a chuain? Gheibht’ a sheasas cath ri m’ lainn Ach tha ’n cridh’sa ard gun scà. “D’ ionnsui theich mi cheinn an tsluaigh Fhir a’s glaine snuadh, ’s a’s fearr! D’ ionnsui theich mi, o mhic Chumhail! A lamh a chuidicheas gach feumach! [TD 489] [Beurla] [TD 490] Dh’amhairc righ Chraice orm air àm Mar ghath-greine air ceann a shliochd. ’Stric a chuala beanntan Ghealamhal Osnaich shearbh’ mu Fhaineshoilse. Chunnas mi le ceann Shorai, A’s rùnaich easa oigh Chraice. Tha lann, mar ghath soluis scriosach, Air slios an armuinn an cònui; Ach ’sdubh gruamach shuas a mhala, ’Stha fior stoirm na anam eiti. Bhuail mi tonn a chuain gu sheachna; Ach o! tha easan air mo thi-sa.” “Deansa tamh air chùl mo sgeithe,” Thuirt mi fein, “a geug na maise! ’S mar laige mo lamh na mo mhisneach, Brisear e o Fhainesoilse. D’ fheudainn do chuir an còs uaingneach, Ach ni ’n cualas gun theich Fionnghal. ’Nuair a bhagras cunnart gu brath Tach’ream ri stoirm bharr nan sleagh. “Mhic nam beann tha mi fo scà A neart a bhoirb-fhir aird nan stoirm, Fagaidh e mar choill fo ghaoith Na cuirp taobh ri taoibh sa bhlàr.” Chunnas leam deoir air a gruaidh, Ghlac an tiochd san uair mi, ’sgradh. A nis mar thonn scrathoil thall Thainig barc’ a bhoirb-fhir ris A’ leum gu bras thar an tsàl Air cùl nam breid ban mar shneachd. Bha sruth geal ri slios a bharc, A’s onais mara fo ard fhuaim. [TD 491] [Beurla] [TD 492] Thuirt mi, “tig s’ on chuan bhras Fhir tha marcacha nan tonn, Gabh sòlas mo thallai uam, An talla thogadh suas gu daimh. Na mu ’s còrag chruaidh do bheachd Naisgemid mu Fhainesoilse.” Sheas as chrith is’ air mo chùl, Chunnaic, lub e ’m bogh, a’s mharbh,, Scinnte” thuirt mi fein, “do lamh ’Nuair nach bi an namhaid garg. Riumsa nochd do shleagh ’s do lann A’s fonai mo chairdean do chach. Dh’ oibrich sinn, ’sni ’m b’ oibir fhaoin, Thuit fo m’ lainn an laoch gu bàs, Chuir sinn fo dha chloich san uaigh An tì a thug, ’sa fhuair an gradh. Chuir a’s lann an laoich threin ’Sa phaillean chaol ri taobh na traigh. ’Sair Fainesoilse na huaigh, ’Stric le bròn a luaidh na baird. Gluaiseam ubhail thar a charn, Bheirinn meas air airidh riamh, ’Scrathoil an stri fola chaoi, Anns an gearrar saoidhean sios. Oscair! màr sin bha mi og, ’S bithsa am mo dhoigh gu aois, Na iarr gu brath corag chruaidh, Ach na hob i ’nuair a thig. [TD 493] [Beurla] [TD 494] ORIGINAL OF OSSIAN’S ADDRESS TO THE SUN IN CARTHON, REFERRED TO P. 475. O! THUSA fein a shiubh’las shuas Cruinn mar làn-scia chruai nan triath, Cia as tha do dhearsa gun ghruaim, Do sholus a ta buan a ghrian? Thig thu ann ad’ àille thrèin, A’s faluichi rèil uainn an triall, A gealach ga dubhadh san speur ’Ga cleath fein fo stuai san iar. Tha thusa ann a d’ astar amhàin, Co tha dana bhi na d’ chòir? Tuiti darag o’n chruaich aird, Tuiti carn fo aois, a’s scorr: Tràighi, agus lionai ’n cuan, Falaichear shuas an reul san speùr; Tha thusa d’aon a chaoi fo bhuai An aoibhneas buan do sholuis fein. ’Nuair dhubhas m’an domhan stoirm Le torran borb, as dealan bearth’, Seallai tu na d’ àille o ’n toirm Fiamhghàir’ ort am bruailean nan spèur. Ach dhomhsa tha do sholus faoin, ’S nach faic mi a chaoi do ghnuis, Sgaoileadh cùil as òr-bhui ciabh Air aghai nan nial san ear, No ’nuair a chritheas anns an iar Le do dheirse ciar air lear. ’Smaith d’ fheudta gum bheil thu mar mi feìn, [TD 495] [Laideann] [TD 496] ’S an am gu treun, ’sgun fheum air am, Ar blianai a tearna o ’n speùr Ag siubhal le cheile gu ’n ceann. Biodh aoibhneas ort feìn a ghrian! ’S tu neartmhor, a thriath a’ d’ oige, ’S brònach mi-thaitneach an aois, Mar ghealaich fhaoin san speur, A raith fo neul air a raon, ’S an liath-cheo air thaobh nan carn, An osag o thuath air an reth; Fear siubhail fo bhèud, ’s e mall. [Beurla] [TD 497] [Laideann] [Beurla] [TD 498-541] SUPPLEMENTAL OBSERVATIONS ON THE AUTHENTICITY OF OSSIAN’S POEMS. [Beurla] [TD 542] [Blank] [TD 543-61] BOOKS WHICH TREAT OF THE CELTIC LANGUAGE, CUSTOMS, AND ANTIQUITIES. [Beurla] [TD 562-66] NOTICES OF GAELIC BOOKS PUBLISHED IN THE 16TH, 17TH, AND 18TH CENTURIES. [Beurla] [TD 566-576] NOTICES OF GAELIC AND IRISH MSS. IN GREAT BRITAIN AND IRELAND. [Beurla]