[DA 1] THE POEMS OF OSSIAN, IN THE ORIGINAL GAELIC, WITH A LITERAL TRANSLATION INTO LATIN, BY THE LATE ROBERT MACFARLAN, A. M. TOGETHER WITH A DISSERTATION ON THE AUTHENTICITY OF THE POEMS, BY SIR JOHN SINCLAIR, BART. AND A TRANSLATION FROM THE ITALIAN OF THE ABBÈ CESAROTTI’S DISSERTATION ON THE CONTROVERSY RESPECTING THE AUTHENTICITY OF OSSIAN, WITH NOTES AND A SUPPLEMENTAL ESSAY, BY JOHN M‘ARTHUR, LL. D. PUBLISHED UNDER THE SANCTION OF THE HIGHLAND SOCIETY OF LONDON. MAGNA EST VERITAS ET PRÆVALEBIT. VOL. II. LONDON: PRINTED BY W. BULMER AND CO. CLEVELAND-ROW; SOLD BY G. AND W. NICOL, BOOKSELLERS TO HIS MAJESTY, PALL-MALL; CREECH, BELL AND BRADFUTE, CONSTABLE AND CO. EDINBURGH; AND ARCHER, DUBLIN. 1807. [DA 2] [Blank] [DA 3] CONTENTS OF THE SECOND VOLUME. [Beurla] [DA 4] [Blank] [TD 1] FINGAL. CARMEN PRIMUM. [TD 2] [Blank] [TD 3] [Laideann] [TD 4] FIONNGHAL. DUAN I. v. 1-17. SHUIDH Cuchullin aig balla Thùra, Fo dhùbhra craoibh dhuille na fuaim; Dh’ aom a shleagh ri carraig nan còs, A sgiath mhòr r’ a thaobh air an fheur. Bha smaointean an fhir air Cairbre, Laoch a thuit leis an garbh-chòmhrag, ’Nuair thàinig fear coimhead a’ chuain, Luath mhac Fhithil nan ceum ard. “Eirich a Chuchullin, eirich, Chi mi loingeas threun o thuath! Grad ghluais, a chinn-uidhe na féile: ’S mòr Suaran, is lìonmhor a shluagh!” “A Mhorain,” thuirt an gorm-shùileach treun, “Bu lag thu féin, is chrith thu riamh; ’Na d’ eagal is lìonmhor nàmhaid; Mhic Fhithil, ’s e Fionnghal a th’ ann, Ard churaidh nan ciar bheann.” [TD 5] [Laideann] [TD 6] “Chunnaic mi ’n ceannard,” thuirt Moran; “Coimeas do ’n charraig an triath, A shleagh mar ghiubhas air scor-bheinn, Mar ghealaich ag éirigh a sgiath: Shuidh e air carraig san tràigh Mar an ceò tha thall air a bheinn. ‘’S lìonar, a chinn-uidhe nan dàimh, Làmh chòmhraig, a dh’ éireas leat féin, Garbh-laoich, a’s cruadalaich beum, ’Sgéire lann an cleasachd nan saoi: Ach ’s lìonair’ gaisgich is treun, Tha ’g iadhadh mu Thùra na gaoith.’ Fhreagair an sonn mar thonn air carraig, ‘C’ e san talamhsa ’s cosmhuil rium fhéin? Cha seasadh do ghaisgich ’nam fhianuis; Ach tuiteam gu h-ìosal fo m’ làimh. C’ e es’ a thachradh ri m’ lann, Ach Fionnghal, righ Shealma nan sian? Là, ghabh sinn an glacaibh a chéile Air Meallmor, ’s bu threun ar spàirn, Thuit coille fo chòmhrag nach géilleadh; Thionndaidh sruith, ’s chriothnaich an càrn: Tri là a dh’ ùraich an strì, Chrith laoich, bu treun, air cùl lann: An ceathramh, thuirt Fionnghal an righ, ‘Thuit ceannard a chuain sa’ ghleann.’ ‘Cha do thuit,’ ’se fhreagair mi fhéin. Géilleadh Cuchullin dha ’n triath [TD 7] [Laideann] [TD 8] Is treine na gailleann nan sliabh.” “Ne mis!” thuirt an gorm-shùileach treun, “Cha ghéill mi dhuine tha beò. Cuchullin cho gailbheach ris féin, Mòr an còmhrag, no ’m bàs gun scleò. Mhic Fhithil, glac-sa mo shleagh, Buail sgiath Sheuma fo smal is gruaim; Chi àrd i air balla nan sleagh; Cha b’ e sanas na sìth a fuaim. Buail sgiath Sheuma, mhic Fhithil, gu grad; Gairm gaisgich o bhad ’s o choill’.” Bhuail e ’n sgiath bhallach gu grad; Fhreagair gach bad agus coill’, Shiubhail caismeachd ro’ ’n doire gun stad; Chlisg féidh is earba san fhraoch: Leum Curtha o charraig na fuaim; Ghluais Conal, bu chruadalach sleagh; Dh’ fhàg Faobhui an eilid san ruaig; Thill Chruthgheal gu Tùra nam fleagh; A Ronain, cluinn sgiath nam blàr, Caismeachd àrd Chuchullin, a Chlùthair; A Chalmair, o ’n chuan thig a nall; Le d’ chruaidh thig a nall, a Luthair. Mhic Foinne, ’gharbh-churaidh, eirich; A Chairbre, o chromleac a’ ghuth; Lùb do ghlùn, Fhiochi na féile, A Chormaig, o Léna nan sruth. Sìn do shlios àluinn, a Chaoilte, [TD 9] [Laideann] [TD 10] Air astar o Mhòra gu dian, A’s gile na ’n cobhar, tha sgaoilte Air muir o ghaillinn nan sian. Chìteadh gaisgich nan àrd ghnìomh Tearnadh sìos o ’m fiar-ghlinn fhéin, Gach anam a’ losgadh ri cuimhne Gach còmhraig a dh’ aom o shean; An sùile lasadh, ’g iadhadh borb Mu nàmhaid dorcha Innis-fàil, Gach làmh, bu tréin, ’ an ceann gach lainn, Caoir’ dhealan a’ dearrsadh o ’n cruaidh. Mar shruth a’ taomadh o gharbh ghleann Dh’ aom na suinn o chruaich nam beann, Gach triath ’n àirm athar nam buadh, A ghaisgich dubh-ghruamach ’na dhéigh, Mar choi’-thional uisge nan stuadh Mu ’n cuairt do dhealain nan speur. Chluinnte fuaim nan arm ’s gach ceum, Meaghal mhìolchon cleasadh ard, Duain ’gam mùchadh anns gach beul, Gach curaidh treun ag iarraidh blàir. Chrith Cromleac air aghaidh nam beann, ’Nuair ghabh iad am fraoch fo ’n ceann; Sheas iad air aomadh nan sliabh, Mar cheò an fhoghair, ’s e liath, Dhùineas mu ’n aonach gu léir, ’S a cheanglas a cheann ris an speur. [TD 11] [Laideann] [TD 12] “Ceud fàilte,” thuirt ceannard nan triath, “Air sìol àluinn nan caol-ghleann, Ceud fàilte air sealgair nam fiadh. Tha cleas eile ag éirigh fo ’r ceann; Tha nàmhaid mu chromadh a’ chuain Ag iadhadh gu luath mu ’n tràigh. ’M buail sinn sìol Lochlin nan stuadh, No ’m fàg sinn Eirinn dha ’n dàimh? Chonail, a chinn-iuil nam fear, Mhòr ghaisgich an àm bhristeadh sgiath, ’S lìonor còmhrag ri daoine o ’n ear, An tog thu sgiath d’ athar, a thriath?” “Chuchullin,” thuirt esa’ gu ciuin, “Tha sleagh Chonail an còmhstri geur; Bu shòlas leam, ’s b’ e mo chliù Bhi leagadh gu dlùth nan ceud. Ge d’ iarradh mo làmh am blàr, Tha mo chridh’ gu sàmhchair Eirinn. Thriath a’s tréine th’ aig Cormac bu shàr, Faic loingeas nàmhaid ag éirigh, ’G éirigh suas air iomall tràigh, Mar choill’ air Léga nan saoi; Mar choill’ tha loingeas nan dàimh, A’ géilleadh ma seach dha na ghaoith. Chuchullin, tha Conal gu sìth; Thoir cìs do Shuaran nan long; Sheachnadh Fionnghal fhéin an strì, Ard cheannard shìl Alba nan sonn, [TD 13] [Laideann] [TD 14] Fionnghal, a sgapadh na seoid, Mar charraid nan sian ri feur, Nar bheucas sruth Chòna nan tòrr, Sa’ mhòr-bheinn an truscan nan speur.” Thuirt Calmar, “As m’ fhianuis an t-sìth; Siùbhladh Conal gu mhùig mhonadh féin; Biodh a shleagh ris an eilid a’ strì, ’N àite tachairt an carraid nan ceud; Lean-sa ’n os bhallach air Cromla, Siùbhladh d’ fhiui ro’ earba Léna. Thusa, mhic Sheuma an àigh, Chinn-fheadhna nam fear ’s nan dàimh, Sgap is ruaig sìol Lochlin nan long; Bris coi’-thional coigrich nan tonn, Gus nach éirich eathar air sàil Le seòl no comas nan ràmh. Mu mhuir ghàirich Innis-thorc Eireadh gaoth Eirinn gu h-ard, Cromadh an dubh-osag shuas— Tuiteam le tannais gu bàs, Nan leanuinn am fiadh cho luath Ri teas-chòmhrag chruaidh nan lot.” “Og mhic Mhathais, nior dhiùlt riamh Còmhrag nan sgiath; ’s bha mi dlùth Ri m’ chairdean an carraid nan sleagh, Ge do bha, cha d’ iarr mi cliù. Rugadh buaidh ’nam fhianuis sa’ bhlàr, Thog gaisgich an ruaig is lean. [TD 15] [Laideann] [TD 16] Thusa, mhic Sheuma bu shàr, Cuimhnich Cormac is àit’ o shean Thoir cìs do Shuaran is tìr, Gu ’n gluaiseadh Fionnghal a nall. Ma ’s sòlas le d’ anam an strì, Sud i thogas an t-sleagh ’s an lann.” “Leam-sa ’s taitneach,” thuirt ceannard nan triath “Cruaidh-fharum nan sgiath ’s nan lann, Cho taitneach ri torrunn nan sliabh, ’Nuair a thuiteas uisg Earraich gu mall. Eireadh sìol Eirinn nam buadh; Siùbhladh soilleir mu ’n cuairt gach dream; Gluaiseadh thairis san fhraoch gu luath, Mar ghath gréin’ air cruaich nam beann, ’Nuair dh’ éireas gaoth ’n iar o thonn, A tional gu trom nan nial, Cluinnear fuaim air Morbheinn nan tom, ’S air daraig, ’s i lom san t-sliabh. C’ àite bheil mo chairde cruaidh, Neart mo làimh an cunnart riamh? C’ àite Cathbaid, bu ghlaine snuagh, Dubhchomar nam buadh, an triath? ’N d’ fhàg thu mi, Fhearghuis bu chorr, ’S an sruth mòr-sa tional ri m’ thaobh, A laoich an sòlas nam fleagh ’s bu mhòr, ’N àm cruadail? A mhic Rosa nam faobh, An d’ thig thu mar earba o Ghalmar, Mar eilid o aomadh nan sliabh? [TD 17] [Laideann] [TD 18] Ceud fàilt air mac Rosa mheanmnaich, Ciod am bròn a th’ air d’ anam a thriath?” “A Chucullin, tha ceithir clachan Air Cathbaid taisgte san uaigh; Chuir mo làmhsa sìos fo ùir Dubhchomar, bu ghruamach snuagh. Bha thusa, Chathbaid, mhic Armin, Mar ghréin a dearrsadh sa’ bheinn. Is thusa, Dhubhchomair nan garbh-bheum, Mar choi’-thional uìsge nan speur. A Mhùirne, bu ghlaine measg òighe, Sèimh do chadal an còs nan carn; Thuit an dùbhra rùn an t-sluaigh, Mar reul dealradh san oidhch an gleann; Bidh fear-uidhe na aonar am bròn, ’Nuair thuiteas an solus gann.” “Aithris,” thuirt an gorm-shuileach treun, “Mar thuit gaisgich nam beum am bàs. ’Na thuit iad le Lochlin sa’ bheinn, ’N cruaidh chòmhrag ri ceud sa’ bhlàr? Ciod eile chumadh na laoich Anns an talla chaol gun leus?” “Thuit Cathbaid fo lann Dhubhchomair Aig daraig, a’s fuaimnich sruth. Thàinig gu doire nan còs, ’S labhair e ri òigh, bu shèimh. ‘A Mhùirne, a’s glaine measg nam mnà, Nighean àluinn Chormaic an àigh, [TD 19] [Laideann] [TD 20] C’ ar son an crom nan cloch leat fhéin, ’N còs creig’ a’ d’ aonar sa’ bheinn? Tha sruthan a’ toirm ri d’ thaobh, Seana chraobh a’ fuaim ri gaoith, Bruaillean na linne ud thall, Neoil chiar mu mhullach nan carn. Thu féin mar shneachd air an t-sliabh; Mar cheò Chromla lùbadh do chiabh A’ casadh suas ris a’ bheinn Ri dearrsa gréine o ’n iar. Mar charraig ghil tha d’ uchd tlàth Air taobh Brano nan sruth bàn.’ “’N sin thuirt òigh a b’ àille ciabh, ‘Cia as, fhir a’s gruamaiche dhaoine? Bu dorch do mhala riamh; Dearg do shùil a nis, ’s cha ’n fhaoin i. Am fac thu Suaran air cuan? Ciod a chuala tu mu ’n nàmhaid?’ ‘Tha mise, Mhùirne, o ’n bheinn, O dhoire earb nan leum ard; Nior chual’ air nàmhaid leam fhéin. Thuit tri féidh fo mo làimh, A nighean Chormaic, a’s àille snuagh. Mar m’ anam mo rùn do ’n òigh; Thuit fiadh dhuit, a làmh-gheal, fo m’ chruaidh, Ainnir àluinn, dha ’n géill na sloigh.’ ‘A Dhubhchomair,’ thuirt òigh bu shèimh, ‘Cha ’n ’eil mion dheth m’ rùn dhuit fhéin; [TD 21] [Laideann] [TD 22] Dorch do mhala, ’s duirche do ghnè; Do chridhe mar charraig sa’ bheinn. Ach ort-sa, mhic Armin, mo rùn, Shàr Chathbaid, tha Mùirne ’n déigh. Mar dhearrsa na gréin’ tha do chùl, ’Nuair thogas a’ mhùig o shléibh. Am facadh leat Cathbaid, an triath, Og ghallan an astar nan sliabh? Tha nighean Chormaic, sonn nach mairg, Feitheamh tilleadh a rùin o ’n t-seilg.’ ‘Is fada dh’ fheitheas tu, Mhùirn,’ Thuirt Dubhchomar gu ciar borb, ‘Is fada dh’ fheitheas tu, Mhùirn, Ri mac Armin nam fiar cholg. Seall air lann a’s glaine beum, Fuil Chathbaid a’ leum gu chùl; Thuit leam do ghaisgeach bu treun, ’S fhada dh’ fheitheas tu féin, a Mhùirn. Togam-sa cloch air do rùn, ’Nighean Chormaic nan gorm sgiath. Crom air Dubhchomar do shùil, Tha ’làmh mar thorrunn nan sliabh.’ ‘’Na thuit mac Armin gu bàs,’ Bhris, le guth a gràidh, an òigh. ‘’Na thuit air an tulach ard Laoch a b’ àille measg an t-slòigh? Ceann-feadhna nan seòd san t-seilg, Nàmhaid beumnach cuain nan dàimh? [TD 23] [Laideann] [TD 24] ’S dorcha Dubhchomar ’na fheirg, Is fuileach dhomh féin a làmh. ’S nàmhaid dhomhsa; ach sìn dhomh ’n lann, ’S annsa dhomh Cathbaid is ’fhuil.’ “Thug e an gorm-lann dha ’deoir: Ruith i chruaidh, bu gheur, ro’ ’thaobh. Thuit e aig a shruthaibh mòr: Shìn e ’làmh, is chluinnte ’ghlaodh. ‘Nighean Chormaic nan gorm-bhall sgiath, Ghearr thu tòs mo thriall o chliù; Is fuar an lann, a reul nan triath, Is fuar nam’ chliabh e, Mhùirn. Thoir mise do Mhoina an òigh; ’S mi a h-aisling an scleò na h-oidhch’; Thogail mo chuirn measg an t-slòigh; Chi sealgair mo chliù an soillse; Ach tarruing an lann o m’ thaobh, ’S fuar leam am faobhar, a Mhùirn.’ “Thàinig i gu deurach mall, O ’thaobh a tharruing an lann. Reubadh leis a brollach bàn. Thuit i, is sgaoil a ciabh air làr; Thaom sìos gu fuaimear an fhuil; Bu dhearg a cruth air a làimh ghil.” “Na cluinneam ni ’s mò mu ’n òigh,” Thuirt ceannard a’ chòmhraig an Eirinn, “Sìth do dh’ anam nan garbh sheòd, Nach b’ fhaoin gleus an iomairt lann. [TD 25] [Laideann] [TD 26] Siùbhladh iad mu m’ charbad mòr, Faiceam an scleò air neoil nan gleann; Bidh m’ anam an comhstri treun, Mar thorrunn nan speur mo làmh. Bi-sa mar ghath gealaich, a Mhùirn, ’Nàm sealladh mo shùil gu gearr, ’Nuair shuidhicheas m’ anam as ùr, ’S a dh’ìslicheas farum a’ bhlàir. Gluaiseadh gach dream; gluaiseadh còmhrag Freasdlaibh mòr charbad nan triath, Cuir dà shleagh ri m’ thaobh air chòmhla; Tog romham air chòir an sgiath. Leanaibh na steud-eich air chòmhnard, Tha ’n siubhal gu mòthar ’s gu luath. Biodh m’ anam an spionnadh le sòlas, ’Nuair dh’ éireas a’ chòmhstri mu ’n cuairt.” Mar thaomas sruth cobharach liath O chruaich iarnaidh Chromlaich àird, An torrunn a’ siubhal ’san t-sliabh, ’S a’ chiar oidhch air leth nan carn, Is tanas fhuar nan snuagh glas Ag coimhead o iomall nam fras, Cho garg, cho mòr, cho borb, cho luath, Dh’ imich cruadal sìol na h-Eirinn, An ceannard mar mhòr-thorc a’ chuain, A’ tarruing nam fuar-thonn ’na dhéigh, A’ taomadh a threunais mar stuaidh: Fo ’shiubhal chritheadh an tràigh. [TD 27] [Laideann] [TD 28] Chuala sìol Lochlin am fuaim Mar shruth gàireach fuar a’ gheamhraidh. Bhuail Suaran a sgiath gu luath, Thuirt ri mac Airn, bha teann air, “Cluinneam toirm air thaobh nam beann, Mar chuileig fheasgair nan cleas mall; Sìol Eirinn nan colg a t’ ann, No doirionn nan sian sa’ choill, ’S cosmhuil ri Gormmeall am fuaim, Mu ’n éirich gailleann a’ chuain ard. Gabh an t-aonach, mhic Airne, gu grad, Gabh fradharc air bad agus sliabh.” Dh’fhalbh is thill e gealtach dlùth, Chìte claon a shùil ’na cheann; A chridh a’ clisgeadh r’ a thaobh, A labhairt baoth, briste, mall. “Eirich-sa shionaidh nan tonn, A shàir cheannaird nan donn sgiath, Chi mi sruth chiar-bheann nan tom, Chi mi sìol Eirinn ’s an triath. Carbad! carbad, garbh a’ chòmhraig, Gluasad thar chomhnard le bàs; Carbad cuimir luath Chuchullin, Sàr-mhac Sheuma nan cruaidh chàs. Tha earr a’ lùbadh sìos mar thonn, No ceò mu thom nan carradh geur, Solus chlocha-buadh mu ’n cuairt Mar chuan mu eathar san oidhch. [TD 29] [Laideann] [TD 30] Dh’ iuthar faileusach an crann. Suidhear ann air chnaimhibh caoin, ’S e tuineas nan sleagh a t’ ann, Nan sgiath, nan lann, ’s nan laoch. Ri taobh deas a’ mhòr-charbaid Chithear an t-each meanmnach séidear, Mac ard-mhuingeach, cliabh-fharsaing dorcha, Ard-leumach talmhaidh na beinne; ’S forumach fuaimear a chos; Tha sgaoileadh a dhosain shuas Mar cheathach air àros nan os; Bu shoilleir dhreach, ’s bu luath ’Shiubhal; Sithfada b’e ainm. Ri taobh eile charbaid thall Tha each fiarasach nan srann, Caol-mhuingeach, aiginneach, brògach Luath-chosach srònach nam beann. Dubhsròngheal a b’ ainm air an steud-each, Làn mhìle dh’ ialla tana Ceangal a’ charbaid gu h-ard, Cruaidh chabstar shoilleir nan srian ’Nan gialaibh fo chobhar bàn; Tha clocha boilsge le buaidh Cromadh suas mu mhuing nan each, Nan each tha mar cheò air sliabh A’ giùlan an triath gu chliù. ’S fiadhaiche na fiadh an colg, Co làidir ri iolair an neart; [TD 31] [Laideann] [TD 32] Tha ’m fuaim mar an geamhradh borb Air Gormmheall mùchta fo shneachd. Sa’ charbad chithear an triath Sàr mhac treun nan geur lann, Cuchullin nan gorm-bhallach sgiath, Mac Sheuma, mu ’n éireadh dàn. A ghruaidh mar an t-iuthar caoin, A shùil nach b’ fhaoin a’ sgaoileadh ard Fo mhala chrom, dhorcha, chaol; A chiabh bhuidhe ’na caoir m’a cheann, Taomadh mu ghnùis àluinn an fhir, ’S e tarruing a shleagh o chùl. Teich-sa, shàr cheannaird nan long, Teich o ’n t-sonn, ’s e tigh’nn a nall Mar ghaillinn o ghleann nan sruth!” “C’ uin a theich mi?” thuirt righ nan long, “C’ uin a theich Suaran nan donn sgiath? C’ uin a sheachnadh leam cunnart trom, Mhic Airne, bu dona riamh? Dh’fhuiling mi gailleann nan speur Air cuan beucach nan gèur fhras; Dh’fhuiling mi còmhrag bu treun. C’ uim an teichinn fhéin o ’n chath, Mhic Airne, bu taise làmh? Eiribh mo mhìlte air an t-sliabh, Taomaibh mar ghàirich a’ chuain, ’Nuair chromas an osag o ’n nial. Eireadh Lochlin nan lann mu m’ chruaidh. [TD 33] [Laideann] [TD 34] Bithibh mar charradh ’n cois sàil’ An talamh nan ràmh agam fhéin, A thogas an giubhas gu h-ard An coimhstri ri gaillinn nan speur.” Mar thoirm fhoghair o dhà bheinn, Gu chéile tharruing na suinn; Mar shruth làidir o dhà chraig ’G aomadh, taomadh, air an réidh, Fuaimear, dorcha, garbh sa’ bhlàr Thachair Innisfàil is Lochlin. Ceannard a’ spealt-chleas ri ceannard, Is duine ’n aghaidh gach duine: Bha cruaidh a’ screadan air cruaidh, Bha clogaide shuas ’gan sgoltadh, Fuil a’ dòrtadh dlùth mu ’n cuairt, Taifeid a’ fuaim air mìn iuthar, Gathan a’ siubhal ro’ ’n speur, Sleagha bualadh tuiteam thall. Mar dhealain oidhche sa’ bheinn, Mar onfha beucach a’ chuain, ’Nuair ghluiseas an tonn gu h-ard, Mar thorrunn air cùl nan cruach, Bha gruaim is forum a’ bhlàir. Ge d’ bhiodh ceud bard Chormaic ann, ’S an dàn a’ togail a’ bhlàir, Cha b’ urrainn aithris ach gann Gach coluinn gun cheann, is bàs. Bu lìonor bàs fhear is thriath, Am fuil a’ sgaoileadh air an t-sliabh. [TD 35] [Laideann] [TD 36] Bi’bh brònach, a shìol nan dàn, Mu Shithàluinn nan garbh-thriath. Tog-sa, Eibhir, d’ uchd bàn Mu shàr Ardan nan colg fiar; Mar dhà eilid thuit o ’n bheinn Fo làmh Shuarain nan donn sgiath; ’Nuair ghluais ro mhìlte gu treun, Mar thanas an speur nan nial, Tanas, a shuidheas an scleò, Leth-dhèanta do cheò o thuath, ’Nuair dh’aomas maraiche, nach beò, Sealladh bròin air bhàr nan stuadh. Nior chaidil do làmh re d’ thaobh, Thriath Innis nan caoin shian; Do lann air astar nam faobh Mar dhealan a’ lasadh gu dian, ’Nuair thuiteas an sluagh sa’ ghleann, Is aghaidh nam beann ’nan caoir. Shrann an Dubh-sròngheal thar seoid, Nigh Sithfad’ a bhròg am fuil. Luidh gaisgich ’na dhéigh gu leòr, Mar choill’ air Chromla nan tuil, ’Nuair ghluaiseas osag ro’ ’n fhraoch Le tanas fhaoin na h-oidhch’. Bi deurach air carradh nam fuaim, Nighean uasal Innis nan long; Lùb do ghnùis àluinn thar chuan, Thus’, a’s glaine na taibhs’ air thom, [TD 37] [Laideann] [TD 38] A dh’ éireas suas gu mòthar mall, Mar ghath-gréin air sàmhchair nam beann; Thuit, ’s grad thuit e ’sa bhlàr, Tha òig-fhear do ghràidh gun tuar Fo lann Chuchullin bu shàr— Ciod dh’ fhàg thu cho bàn ’s cho fuar? Cha ghluais e gu cruadal gu bràth, Cha bhuail e fuil ard nan saoi: Thuit Treunfhear, òg-Threunfhear, gu bàs; Oigh, cha ’n fhaic thu do ghràdh a chaoidh. Tha ’mhìolchoin a’ caoineadh gu trom Aig baile, ’s chi iad a thaibhs’. Tha ’bhogha gun taifeid, ’s e lom; Air tom tha forum a’ bhàis. Mar dh’ aomas mìle tonn gu tràigh, A ghluais fo Shuaran na dàimh: Mar thachras tràigh ri mìle tonn, Thachair Eirinn ri Suaran nan long. Sin far an robh guthan a bhàis, Toirm gàire-cath is cruaidh, Sgiatha ’s màile brist’ air làr, Lann ’s gach làimh, ’na dhealan shuas, Fuaim a’ bhlàir o thaobh gu taobh, Còmhrag beucach, creuchdach, teth, Mar cheud ord a’ bualadh baoth Caoir o ’n teallach dearg ma seach. C’ e sud air Léna nan sliabh? C’ e ’s duirche ’s as fiadhaiche gruaim? [TD 39] [Laideann] [TD 40] C’ e ’s cosmhuil ri nial bu chiar, Lann gach triath mar threin air stuaidh? Tha bruaillean air aghaidh nan tom, Chrith carradh nan tonn air tràigh. C’ e th’ ann ach Suaran nan long, ’S triath Eirinn mu ’n éireadh dàin? Tha sùil nan slògh ag amharc claon Air suinn nach b’ fhaoin ag aomadh suas. Thuit oidhch’ air còmhrag nan laoch; Cheil comhstri nan saoi gun bhuaidh. Air a’ bheinn air fad an fhraoich Charnadh le Daorghlas an t-sealg, A leagadh le iomairt nan laoch, Mu ’n d’ fhàg iad aonach nan dearg. Bha ceud fear a’ tional an fhraoich, Deich a’ lasadh chaor-theine suas, Tri cheud taghadh chlocha caoin, Ceud a’ cosgairt na sithinn gu luath; Chìte ceò mu ’n cuairt is fleagh. ’N sin thuirt ceann-uidhe na féile, Triath Eirinn an anam mhòir, E ’g aomadh air sleagh ag éirigh, Ri mac Fhena, ’m bard bu chorr, “A Charuill o ’n àm o shean C’ uim a sgaoil a’chuirm dhomh féin, Is righ Lochlin nan colg sean Air tràigh Eirinn gun fhleagh sa’ bheinn? ’S fada fiadh Lochlin o ’n laoch, [TD 41] [Laideann] [TD 42] A thalla faoin a’s fada thall. Thoir m’ fhocal dha ’n t-saoi gun fhraoch; Gairm ceannard nan long a nall; Thigeadh o iomairt nan tonn Gu cuirm Eirinn nam fleagh fial; Cluinneadh e fuaim nan tom Sa’ choill’, ’s an oidhche fo nial; ’S forumach, fuaimear a’ ghaoth A tha taomadh o ’chuan féin, Moladh e clàrsaiche caoin Is fonn o na laoich sa’ bheinn.” Ghluais Carul, bu shèimh glòr; Ghairm ceannard nan donn sgiath. “Eirich o bhian nan torc mòr, Eireadh Suaran, righ nan sliabh, Tha sòlas slige na féile Mu thriath Eirinn, ’s guirme sùil.” Fhreagair mar thoirm mhùchta, mhall Air Cromla, ’nuair mhosglas gaoth. “Ge d’ thigeadh òighe Innis-fàil Le ’n làmhaibh bàn mar shneachda caoin, Am brollach geal ag éirigh ard, Sùile tlàth ag ìadhah gràidh, ’N so a dheanadh Suaran tàmh Mar mhìle creag an Lochlin àigh; ’N so, gu ’n d’thig dearrsa o ’n ear A shoillse Cuchullin gu bàs. Is taitneach gaoth Lochlin leam fhéin; [TD 43] [Laideann] [TD 44] A thog beucail a’ chuain mhòir, Labhairt measg nam bearta treun Le cuimhne mo choille bu chorr, Coille Ghorm-mheall, a b’ uaine snuagh, A lùbas ma seach fo ’n ghaoith, Fuil chraobhach air sleagh nam buadh, Fuil thorc cir nan confhadh baoth, Thoireadh Cuchullin domh cìs, Cathair Chormaic nan gorm sgiath; Mur d’thoir, ’nuair dh’ ùraicheas strì, Bidh leam Fàl air uisg is sliabh.” “’S brònach an guth,” thuirt am bard, “A thug Suaran nan donn sgiath.” “Is brònach dha féin a mhàin,” Fhreagair mac Sheuma an triath. “Charuill, tog do ghuth gu h-ard Air gach linn a bh’ ann nach beò; Caithear oidhch’ ann am mìn-dhàn; Faighear gairdeachas sa’ bhròn. ’S iomadh saoi is òigh bu chaoin Ghluais o thùs an Innis-fàil. Is taitneach dàin air na laoich O thaobh Alba nam fuaim ard, (’Nuair dh’ aomas forum na séilg) Fo ghuth Oisein nan caomh-rann, ’S a fhreagras aonach an deirg Sruth Chòna nan toirm mall.” Thuirt Carull, “’san àm o shean Thàinig a nall neart a’ chuain, [TD 45] [Laideann] [TD 46] Mìle long air tuinn o ’n ear Gu Ullin ghuirm-ghlais nan stuadh. Dh’eirich sinns’readh Innis-fàil ’Ncoinneamh nam fear o thuath. Bha Cairbe, an garbh churaidh, ann, Is Cridh’-mor, a b’ àille do ’n t-sluagh. Dh’ ùraich iad mu ’n tarbh bu bhàn, A chìte ’m beinn Ghulbuinnse shuas, Leag gach fear a chòir a b’ fhearr, Ghluais am bàs o lanna cruaidh. Chaidh iad taobh ri thaobh air ghleus, Is ghéill dàimh a’ chuain sa’ bhlàr. C’ e b’ annsa na fir bu treun, Cridh’-mor ’s Cairbre bu shàr. B’ fhearr nach cualas air tarbh riamh Air Gulbuinn riabhaich an fhraoich. Chunnaic iad e anns an t-sliabh, ’S dh’ ùraich trom-dhorran nan laoch. Bhuail iad aig Lùbar a chéile, Thuit Cridh’-mor air feur ’na fhuil. Thàinig Cairbre gu talla na féile Gu Bràigh-soluis, bu chaoin guth, Piuthar ghasd a’ ghaisgich féin. Air Cridh’-mor bha fonn na h-òigh, Fear òg, dha ’n robh ’dìomhair gràdh. I deurach, ’s e ’n còmhrag an t-slòigh, A’ feitheamh a phillidh o’ n bhlàr; Chìte o ’truscan uasal [TD 47] [Laideann] [TD 48] A h-uchd uaibhreach mar ghealach oidhch’, ’Nuair bhios a h-iomall a’ gluasad O duibhre a tuair gu soills’. Cho caoin ri clàrsach a beul, ’N àm togail nam fonn le bròn. Bu leath-sa an t-sùil mar reul. ‘C’ uin a thig thu na d’ airm, a sheoid?’ ‘Gabhsa, Bhràigh-soluis,’ thuirt Cairbre, ‘Gabh sgiath bhallach a’ gharbh-chòmhraig, Tog suas an Talla nach meirg i; Dheth na h-airm bu nàmhaid dhomhs’ i.’ Bhuail cridhe bu tlàth r’a taobh. Dh’ fhalbh a snuagh, is bhris i ro’ ’n fhraoch, Fhuair e marbh; is dh’ eug i san t-sliabh, ’N so féin, a Chuchullin, tha ’n ùir, ’S caoin iuthar tha fàs o ’n uaigh. Bu ghlan thu, Bhràigh-soluis, o ’n mhuir, B’ àille Cridh-mor o chul nan cruach. Cumaidh baird bhur cuimhne araon, Fhad ’sa thaomas an caol o chuan.” “’S binn do ghuth, a Charuill, dhomh féin,” Thuirt triath Eirinn bu ghorm sùil; “’S binn d’fhocail, a bhaird, sa’ bheinn, Ag éirigh o àm nan cliù; Iad cosmhuil ri braon nan sian, ’Nuair sheallas a’ ghrian air raon, Caol fhaileus a’ siubhal air sliabh, ’S an osag gu mall ’s gu caoin. [TD 49] [Laideann] [TD 50] Buail clàrsach, mhic Fhena, buail; Mol, a Charuill, mo luaidh, tha thall, Deò-ghréine Dhùn-scàthaich nan stuadh, Ainnir bhràigh gheal, nan rosg mall, Ise dh’fhàg mi ’n Innis an t-slòigh, Og-bhean bhanal chorr mhic Sheuma. An tog thu aghaidh nan snuagh caoin O ’n charraig a’ coimhead mo sheoil? Cha ’n fhaic thu ach a’ mhuir fhaoin, Cha ’n e cobhar nan tonn do sheoid; Fàg a’ charraig, is oidhch’ mu ’n cuairt; Tha osag nan cruach mu d’ cheann. Cha till mi o achadh gun bhuaidh, ’N fheadh ’sa mhaireas an ruaig sa’ ghleann. A Chonaill, le eachdair air còmhrag Cuir Ainnir nan triath air cùl; Aille ’s glaine fo chiabh òr-bhuidh Nighean Shorghlain ’s àirde cliù.” Fhreagair Conall nan glòr mall: “Cuir fair’ air coigrich a’ chuain, Cuir gaisgich san doire ud thall, Ag amharc air Suaran nan stuadh. Chuchullin, tha m’ anam gu sìth, Gu tighinn o Alba nam beann Laoch ghasda le Fionnghal an righ, Ceann ghaisgeach an strì nan gleann.” Bhuail e, le caismeachd, an sgiath. Dh’ imich fair’ air thaobh nan sliabh, [TD 51] [Laideann] [TD 52] Luidh slòigh air aomadh fhraoich Fo reula ’s gaoth na h-oidhch; Tanas churaidh thuit sa’ bhlàr, Neoil ghruamach mu ’n cuairt a’ snàmh. Is fada thall air sàmhchair Leuna Chluinntear éibh a’ bhàis. [TD 53] [Laideann] [TD 54] [Blank] [TD 55] FINGAL. CARMEN SECUNDUM. [TD 56] [Blank] [TD 57] [Laideann] [TD 58] FIONNGHAL. DUAN II. v. 1-17. LUIDH Conall aig sruth nam fuaim Fo ’n daraig gun duill’ air crann; Ri cloich mu ’n robh còinneach uaine Dh’ aom ceannard nan triath a cheann. Measg an fhraoich, an truscan dubh, Chualas leis guth na h-oidhche. O ’laoich luidh e fada thall, Gun eagal air mac nan lann. Chunnaic an gaisgeach ’na shuain Sruth caoirtheach o chruaich nam beann; Shuidh Cruthgheal air dearrsa gu chùl, Saoi a thuit le cliu sa’ ghleann; Thuit e fo Shuaran nan long A’ còmhrag an carraid nan sonn. Bha ’aghaidh mar ghath na gealaich; Bha ’earradh do nial nan tom; Dhà shùil mar éibhle sa’ bhealach. [TD 59] [Laideann] [TD 60] ’Na bhroilleach bha lot mar tholl. “Chruthgheal,” thuirt Conall bu shàr, “Mhic Gheugail o aird’ nan sliabh, Com’ tha thu cho glas o’ n bhlàr, Cho brònach, fhir bhrisidh nan sgiath? Le eagal cha d’ chaochail do shnuagh. Ciod thionndaidh do thuar, a Chruthgheal?” Leth-fhaicte, briseadh gu deoir Shìn e ’làmh mhòr thar an laoch, Thog e le spairn a ghuth-beoil, Mar Leug-ghaoith an cuiseig no ’m fraoch. “Tha m’ anam, a Chonaill, air tom, Mo choluinn aig tonn na h-Eirinn. Chaoidh cha labhair, a cheannaird nan sonn; Cha ’n fhaicear air lom mo cheuma; Mar aiteal air Cromla nan sliabh, Mar fhaileus tigh’nn sìos o cheò. Chonaill ’ic Cholgair a thriath, Chi mi nial dhaoine nach beò; Nial a’ bhàis air machair Léna, Sìol Eirinn a’ tuiteam thall. Grad-fhàg, a chinn-uidhe na féile, Raon nan tanas; na bi mall.” Mar ghealaich a’ dubhadh san speur Ghabh e dha féin a’ ghaoth. “Fuirich,” thuirt Conall bu chòrr, “Mo charaid dhìleas dhubh-dhearg féin, Leig uat an gath teine, fhir mhòir. [TD 61] [Laideann] [TD 62] Cia an talla dha d’ chònuidh sa’ bheinn? Fuirich, mhic Chromla na gaoith. Cia ’n t-aonach a’s uaine tom, Cia ’n còs bheil tunaidh an t-saoi? C’ àite ’n aom thu an codal a’s trom? Nach cluinnear thu ’m forum nan sian, Measg toirm a’ taomadh o ’n bhlàr? C’uin a chithear do chleasa dian? ’S lag tanas air aghaidh nan carn.” Dh’ éirich Conall bu mhìn glòr; Shiubhail e mòr ’na àirm; Bhuail sgiath Chuchullin bu chòrr, Chlisg ceannard a’ chòmhraig o ’toirm. “C’ ar son,” thuirt gaisgeach a’ charbaid, “Thig Conall nan garbh-bheum o ’n fhraoch? Nan éireadh mo shleagh gu d’ mharbhadh, Bu dorran air m’anam, a laoich. Labhair, mhic Cholgair bu treun, Tha d’ fhocal mar ghréin a’ soillse.” “Mhic Sheuma, ro’ ’n oidhche dhuibh Thàinig Cruthgheal o chòs nan càrn; Chìte na reulta ro’ ’chruth, ’Nuair a dh’éirich a ghuth le spairn, ’S e teachdair a’ bhàis a th’ ann. Bha ’labhairt gu mall mu ’n uaigh. Iar sìth, a thriath Eirinn nan lann, No teich thar Léna o ’n chuan.” “Chualadh le Conall a ghuth!” [TD 63] [Laideann] [TD 64] Thuirt triath Eirinn, bu mhòr brìgh; “Bha reulta dealradh ro’ ’chruth! Mhic Cholgair, a dh’ iarras sìth; Is gaoth bh’ air do chluais, a ghaisgich, Agus toirm nan allt mu d’ cheann. No ma bha Cruthgheal r’a fhaicinn, C’ uim nach d’ thug e m’ fhianuis fo d’ lann? An d’fhiosraich o ’n taibhs’ mu ’chòs, Mu thalla fir-astair na gaoith? Gheibhte fo lann a ghuth-beoil, Gach eòlas a bha aig an t-saoi. ’S beag eòlas an t-saoi, a Chonaill: ’N diugh féin a bha e ’san t-sliabh, Cha b’fhad a shiubhal; ’s bu don e. C’ e dh’ innseadh air bàs nan triath?” “Tha astar nan taibhs’ air neoil,” Thuirt Conall bu mhòr ciall; Air gaoith chithear suinn nach beò; Tha ’n tunaidh an còs nan sliabh; ’Nam fois bidh an sanas ri chéile, ’S an labhairt mu bhàs nam fear.” “Biodh an labhairt mu bhàs nam fear, H-uile fear ach ceannard Eirinn. Cha teich mi o Shuaran o ’n lear, Ma ’s fheudar tuiteam, éiridh m’ uaigh, Aig iomairt nan stuadh, fo dhàna. Taomaidh sealgair deoir o ’ghruaidh; Bidh bròn a toinneadh mu Bhrài-gheal, [TD 65] [Laideann] [TD 66] Ainnir àillidh, b’ àirde cliabh. Cha ’n eagal bàs ach ruaig; Chunnaic Fionnghal mo bhuaidh sa’ bhlàr. Thanais fhaoin nan carragh geur, Feuch dhomh thu féin gun dàil; Thig thus’ air dealan nan speur, Is faiceam mo bheud a’ d’ làimh: Cha teich mi o Shuaran, a thaibhs’, Fhaileis eatruim na fàs ghaoith. Eirich, mhic Cholgair, is buail Sgiath bhallach nam fuaim ard; Eadar dà shleagh chithear shuas. Eireadh laoich nam buadh gun dàil, Measg comhstri’ is blàir na h-Eirinn. Ge fada ’na thighinn a nall Fionnghal o Innis nan gaoth, Buaileam, a Chonaill, am blàr, Is tuiteam fo lann nan saoi.” Sgaoil air an leathad am fuaim; Dh’ éirich laoich nam buadh fo airm, Mar bhristeas cùl dubh-ghorm nan stuadh ’San taif fo bhruaillein nan stoirm, Sheas iad gu mòr air an fhraoch Mar dharaig ’s am faobh mu ’n ceann, ’Nuair chluinnear fo reotha a’ ghaoth, Duille thioram a’ taomadh ro’ ’n ghleann. Ghlas faobhar nan nial air Cromla; Chrith an là air aomadh a’ chuain, [TD 67] [Laideann] [TD 68] An gorm-cheathach a’ snàmh air aonach, Ceileadh Innisfail ’s a sluaigh. “Eiribh fo m’ chaismeachd gu luath,” Thuirt ceannard nan donn-sgiath, “Eiribh, shìol Lochlin nan stuadh; Dh’fhàg Eirinn fo ruaig an sliabh. Leanaibh ro’ Léna nan gleann, Gabh, a Mhòirlaimh, tigh Chormaic fo d’ cheann, Géilleadh do Shuaran nam buadh, Mu ’n tuit iad san uaigh fo lann, ’S faoin sanas a’ bhàis an Eirinn.” Dh’ éirich iad mar scaoth o’ n chuan, ’Nuair bhuaileas an stuadh an tràigh. Mar mhìle sruth bha toirm an t-sluaigh, ’N àm tachairt an Cona an àigh, An garbh-eas, a’ briseadh o’ n oidhch’, Fo dhearrsa soillse na gréine. Mar thaomas faileus dùbhra dùinte Air aomadh mùgach foghair thall, Cho gruamach, dorcha, dlùth, gun chùnta, Shiubhail Lochlin mòthar, mall. Mar thorc ciar air chruaich nam beann, Ghluais ’na airm ard-righ nan lann; Air taobh a’ gaisgich chìte sgiath Mar thein an oidhch’ air leac nan sliabh, An saoghal dorcha, sàmhach, faoin, Fear-siubhail critheach coimhead claon Air tanas baoth san dearrsa. [TD 69] [Laideann] [TD 70] Chithear thall an carn fo scleò, ’S na daraig mhòr a dh’fhàs air. Chuir osag o bhruaillein a’ chuain Fo ruaig an ceathach o ’n charn. Chunn’cas sìol Eirinn nam buadh, Mar charragh ri stuaidh nan ràmh ’N àm seach’ran do mharaich o ’eòlas, ’S e brònach mu chaochladh nan speur. “Siubhail, a Mhòrlaimh, gu luath,” Thuirt righ Lochlin nan stuadh ard; “Tairg sìth do dhaoine fo ruaig; Sud shuas iad mu chruaich nan carn, Tairg sìth a bheiream do righre, ’Nuair chromas an cinn fo lann, ’N déigh an gaisgich a thuiteam san strì, ’S òigh mhìn gu deurach sa’ ghleann.” Thàinig Mòrlamh mòr mac Shathair; Bu mhòr, ’s bu mhòthar a cheum, Gu labhairt ri triath Eirinn bu shàr Measg coi’-thionail ard nan treun. “Gabh sìth o Shuaran, ’s thoir cìs,” Thuirt gaisgeach nach mìn glòr; “Gabh sìth a bheirear do righre, ’Nuair thuiteas an strì na slòigh. Fàg Eirinn nan sruth ’s nan raon: Do bhean, is cù caol an fhéidh, Brài’gheal uchd-àluinn is caoin, Luath, a dh’ fhàgas a’ ghaoth ’na dhéigh, [TD 71] [Laideann] [TD 72] Tairg sin; oir is lag do làmh, Gabh smachd; na bi dàn ’s bi beò.” “Innis do Shuaran nan sgiath, Cha do ghéill mi riamh, ’s cha ghéill. Bheiream an cuan dha ’n triath, No uaigh dha ’shlòigh an Eirinn. An là sin cha d’ thig gu bràth Bheir dearrsa mo ghràidh gu tuath, ’S cha teich, an Lochlin nan carn, Ard-chabrach na seilg o Luath?” “Fhaoin cheannaird a’ mhor charbaid,” Thuirt Mòrlamh, “bheil d’ àirm ro’ ’n righ, An righ le luingeas o gharbh-choill, Thogadh ’n innis mu ’n dhùisg an strì? ’S cho beag Eirinn nan tom uaine Do cheannard a’ chuain fo stoirm.” “Am focail géilleam do Mhòrlamh, Mo lann do neach beò cha ghéill. Bidh Eirinn fo chumhachd Chormaic, Fhad ’s a bhitheas deò annam féin. Chonaill, chinn-fheadhna nam fear, Chual thu Mòrlamh nam faoin-ghlòr? Bheil sìth dhuit ri daoine o’ n lear, Fhir bhrisidh nan sgiath mòr? Thanais Chruthgheal na faoin ghleus, C’ uim a thog thu dhomh féin am bàs? Tuiteam an tigh caol gun leus Measg sòlais nan treun-dhàn. [TD 73] [Laideann] [TD 74] Togaibh, a shìol Eirinn nam buadh, Gach garbh-shleagh is iuthaidh geur. Buailibh dàimh Lochlin o thuath, Mar thanais a nuas o ’n speur.” Dorcha, beucach, colgach, dùinte Thaom iad dlùth o dhùbhra a’ bhlair, Mar cheò an gleann is doimhne mùig, ’Nuair thig na stoirm o chùl nan carn Air sàmhchair chiuin na gréine. ’Na airm ghluais Cuchullin féin, Mar thanas speur an iomall neoil, Earradh dearg do dhealan geur, ’S gach gaoth bu treun ’na làimh ro-mhòir. Bha Carull anns an doire shuas, Stoc nam buadh a’ fuaim ’na làimh, Thogail anama mòr an t-sluaigh Le cruaidh bhrosnachadh nan dàn. “C’ àite,” thuirt am beul bu bhinn, “C’ àite shìn thu féin, a Chruthgheal? ’N ad luidhe air an fhonn gun bhrigh, ’S do thigh grinn gun slige chùbhraidh? ’S dubhach bean Chruthgheal fo dheoir ’Na coigreach an talla a’ bhròin. C’ i sud mar dhearrsa air sliabh, Air aghaidh chiar nan nàmhaid? C’ i, ach Deò-ghréine nan ciabh, Bean Chruthgheal is àillidh bràghad? Tha ’falt air a’ ghaoith ’na déigh [TD 75] [Laideann] [TD 76] ’S dearg a sùil, ’s is caol a guth. ’S glas Cruthgheal an astar an fhéidh; An còs na creige tha ’chruth. Thig e gu m’ chluais a’ m’ fhois; ’S lag a ghuth san oidhche, Mar sheillein ag iadhadh mu chloich, Mar chuileig an iomall soillse. Ach thuit Deò-ghréine mar nial Am madainn chiar san ard-bheinn. Tha lann Lochlin ’na caoin-chliabh. Thuit rùn nan triath, a Chairbre; Thuit i, Chairbre, do chliu, Sàr ghallan ùr na h-òige.” Chuala Cairbre fuaim a bhròin, Shiubhail mar mhòr-thorc a’ chuain; Chunnaic e ’nighean gun deò, Dh’ aom e ro’ mhìltean an t-sluaigh. Thachair ri Lochlin a lann; O cheann gu ceann las an còmhrag, Mar cheud gaoth an coille mhòir An Lochlin nan tòrr ’s nan tonn, Mar cheud teine ’n giuthsach chòrr Air cheud beinn an tìr nan long; Cho beucach, creuchdach, lìonor, mòr, Thuit aghaidh an t-slòigh fo ’airm. Mar chluarain ghearr Cuchullin daoine, Bha Eirinn ag aomadh fo Shuaran. Thuit Curthach fo làimh nach caomhnadh, [TD 77] [Laideann] [TD 78] Is curaidh nach b’ fhaoin an Cairbre.* Tha Mòrlann a chaoidh fo phràmh, Chrith thu fo ’n bhàs, a Chaoilte, Bha d’ fhuil air do bhràighe bàn, Do chiabh bhuidh air làr ’s i sgaoilte. ’San àit anns ’na thuit an sonn, ’S tric a chuir e air lom cuirm, ’S tric o ’n chlàrsaich bhuail e fonn, ’S a mhìolchoin san tom a’ gairm, ’Nuair bha òig-fhear nan caol-ghleann Cur taifeid air crann na seilg. Dh’ imich Suaran, righ nam buadh, Mar mhòr-shruth fuar nam fàs-bheann, ’Nuair thuiteas a’ bhruach le ’luaths ’S na cuirn a’ gluasad sa’ ghleann. Sheas Cuchullin treun ’na chomhair, Mar chruaich mhòir mu ’n sgaoil an nial: Bhi cleasachd na gaoithe mu ’scòrr, ’S a’ ghiuthsach chòrr air thaobh nan sliabh ’S a chlochmheallan a’ breabadh air craig; Seasaidh craig na ’neart gu h-ard ’Cur fasgadh air tlàth-ghleann Chòna. Mar sin bha Cuchullin nam buadh ’Cur fasgadh air sluagh na h-Eirinn. Mar fhuaran caoin a thaomas sruth, Dhòirt an fhuil mu ’n cuairt do ’n laoch. * An here is the article, which is found elsewhere prefixed to the name of Carber: as the preposition, it would be an idiom merely English, [TD 79] [Laideann] and quite foreign to the Gaelic. “Thuit curaidh nach b’fhaoin ann an Cairbre;” “A mighty champion fell in Carber,” is altogether English. [TD 80] Thuit Eirinn air àros nan cruth, Mar shneachda fo ghréin san fhraoch. “Shìol Eirinn,” thuirt Cruthmal gun tuar, “Tha Lochlin san ruaig ’nar déigh. C’ uim sheasas mar chuiseig ri stuaidh? Grad theichibh gu cruaich an fhéidh.” Theich esa’ mar fhiadh san fhireach, A shleagh mar bhioran r’a thaobh. Cha lìonor ghabh astar gioraig Le Cruthmhal bu dona faobh, Thuit iad an carraid nan laoch Mu charraig an fhraoich air Léna. Air charbad mòr nan clacha-buadh Chìte shuas ard thriath na h-Eirinn; Mharbhadh leis gaisgich o thuath, ’S labhair ri Conall na féile. “A Chonaill, ard-cheann nam fear, A dh’ altrum gu gleus bàis mo làmh, Ge d’ theich sìol Eirinn o ’n lear, Cumaidh sinne còmhrag ri dàimh. A Charuill o ’n àm a dh’fhalbh, Gabh le m’ chairde do ’n tom ud shuas, A Chonaill, seas ri mo lann Gu cumail o chall an ruaig.” Leum Conall air carbad nam buadh; Chìte shuas sgiath mhòr nan treun, Mar ghealaich a’ dubhadh fo ghruaim, Piuthar uaibhreach reul nan speur, ’S i ’g imeachd gu donn o ’n ear, [TD 81] [Laideann] [TD 82] ’S droch caochladh air inntinn nam fear. Bha Sithfada spairn ri cruaich, ’S an Dubh-sròngheal bu luath ceum; Mar thuinn mu mhòr-thorc a’ chuain, Bha tarruing an t-sluaigh nan déigh. Air taobh Chromla nan cruach ard Sheasadh brònach thall sìol Eirinn, Mar mhòr-choille loisgte gu crann Fo ghaoith-oidhch’ air carn ag éirigh, O chéile fada tioram donn Gun duill’ air lom a’ fuaim. Cuchullin fo dharaig thall, Sàmhach, gaisgeach nan rosg mall, A ghaoth ’na fhalt craobhach shuas, ’Nuair thàinig fear-coimhead a’ chuain, Moran mac Fhithill, am bard. “An luingeas, an luingeas, a th’ann O ard-innis nan ciar-bheann! Fionnghal, ceann nan slògh, an triath, Fear-bristidh nan donn-sgiath; An cobhar bàn mu thaobh nan long, Na croinn le siuil mar choill’ nan tom Measg tional trom nan nial.” Thuirt Cuchullin, “Séid, a ghaoth, O innis chaomh cheathaich a’ chuain; Gu bàs nam mìlte thig, a shaoi, Ard-righ Shelma is mòr luaidh. Tha do shiuil, mo charaid, dhomh féin Mar dhearrsa na maidne o neul, [TD 83] [Laideann] [TD 84] Do luingeas mar sholus nan speur, Thu féin mar theine bu chòrr A dhealras gu mòr san oidhch. A Chonaill, chinn-uidhe nan triath, ’S taitneach ar cairde am bròn. Tha ’n oidhche tional mu ’n t-sliabh, C’ àite bheil Fionnghal nan long? Suidheamaid fo ’n dùbhra dhùint Feithamh gealaich ùir is reul.” Theirinn air a’ choill’ a’ ghaoth, Toirm nan eas air cuirn nan sliabh, Uisg mu Chromleac an fhraoich, Dearg-reulta plaosgadh ro’ ’n nial. Ro-bhrònach air thaobh nan sruth Shuidh ceannard Eirinn nan triath, Conall mac Cholgair r’ a làimh, Is Carull o ’n àm a dh’fhalbh. “’S dona do làmh, a Chuchullin,”* Thuirt mac Sheuma bu mhòr feum, “’S dona do làmh, a Chuchullin, O thuit leat do charaid féin; Fheairde mhic Amuin an àigh, Bu mhòr dhuit mo ghràdh sa’ bheinn.” “C’ uime, Chuchullin, mhic Sheuma, Thuit fear-bristidh nan gorm-sgiath? ’S cuimhne,” thuirt Conall nam beum, “Sàr-mhac Amuin nam mòr-thriath; Bu mhòr e, ’s b’ àluinn a shnuagh, Mar bhogha nan stuadh san speur.” [TD 85] [Laideann] [TD 86] “Thàinig Feard o Alb’ a nall, Sàr cheannard nan ceud ghleann; An talla Mhùire thog e ’lann; Fhuair e cairdeas nach bu ghann. Bha m’ astar san t-seilg leis an laoch, B’ àros faraon dhuinn am fraoch. Deudgheal, bean Chairbre, bha còrr, Triath mhòir raon Ullin is Ardbheinn, B’ e solus na sgéimh a còir, B’ e cridh’ an talla dha ’n ardan; Bha ’gaol do dhearrsa na h-òige, Mac Amuin, a b’ uailse gnè. ‘A Chairbre,’ thuirt làmh bu chaoin, ‘Thoir feudail gu leth dhomh féin; Fàgam do thalla, fhir fhaoin; Chairbre, thoir dhomh leth sa’ bheinn.’ Thuirt Cairbre, ‘Thugadh mac Sheuma Gu leth dhuit an fheudail san fhraoch. Bhean ghasda, is àillidh ceuma, Na faiceam thu féin a chaoidh. ’S e anamsa còmhnuidh na còrach, Gheug-sholuis na mòr-chuis, bi slàn.’ Dh’fhalbh is roinn an fheudail dhoibh; Bha ’n tarbh mar shneachd air sliabh. Thug mi do Chairbre an tarbh. Dh’éirich ardan mu rùn nan triath. ‘Mhic Amuin,’ thuirt bean bu tlàth, ‘Chuir Cuchullin m’ anam fo cheò. [TD 87] [Laideann] [TD 88] Cluinneam, a thriath, air a bhàs, No bitheam air Lùbar gun deò, Bidh mo thanas mu phlaosgadh do shùl, Is m’ ardan, a rùin, a’ d’ dhéigh. Gearr-sa Cuchullin gu ’chùl, No fàg mi gun chliu sa’ bheinn.’ ‘Lamhgheal,’ thuirt an t-òg bu treun, ‘C’ uim’ an cuirinn mac Sheuma gu bàs? ’S e caraid mo smaointean e féin; C’ uim’ thogainn, a gheug, an lann?’ Tri lài thuit i air deoir, An ceathramh thog an t-òg a sgiath. ‘Buaileam mo charaid bu chòrr; Ach tuiteam an tòs san t-sliabh. Am b’ urrainn domh fhaicin san aonach, ’S mi m’ aonar, Cuchullin is ’uaigh.’ Rinn còmhrag air raon na Mùire, Is sheachainn ar lanna lot; Bha screadail air clogaid le ’n cùlaobh, ’S air sgiatha bu dhùbh-ghorm cop. Bha Deudgheal ri gàire aig làimh, Thubhairt ri Feairde gun dàil; ‘Is lag na d’ ghlacaibh an crann; ’S lag do lann, is lag thu d’ òige, Cha choimeas do d’ aois a’ chruaidh, Tàg a’ bhuaidh aig sàr mhac Sheuma.’ Mar chraig air thaobh Meallmoir an laoch, An sùil a’ ghaisgich chìte deoir. [TD 89] [Laideann] [TD 90] Labhair e gu fòil sa’ bheinn, ‘Chuchullin, tog do sgiath chòrr, Thoir aire, fhir mhòir, ort fhéin; Tha m’ anam fo eallach am bròn Mu d’ fhuil a dhòrtadh, fhir thréin.’ Ghluais m’ osna, mar ghaoith o chòs, Dh’ éirich àrd ’s bu gheur a’ chruaidh. Thuit dearrsa a’ chòmhraig; fo ’n tòrr Tha Feairde gun deò san uaigh. ’S dona do làmh a Chuchullin, O thuit an t-òg duineil fo d’ lann.” “’S brònach an sgeul, a thriath a’ charbaid,” Thuirt Carull nam marbh-rann; “Chuir m’ anam air ais le farmad Gu aimsir a dh’fhalbh ’s a bh’ ann. Na laithean a dh’ aom o shean, ’S tric a chual air Comal sgeul, A reub an car’ dha ’n robh ’ghràdh, Bha buaidh air a chruaidh am feum, Am còmhrag nan treun sa’ bhlàr. Bha Comal o Alba fhéin; Thar ceud beinn bu thriath am triath, O mhìle sruth dh’ òladh ’fhéidh; Chluinnt’ a choin air mìle sliabh; Bha ’aghaidh cho sèimh ri òighe, Bu bhâs a làmh mhòr do laoich. Bha ’rùn do ainnir, ’s bu chòrr i, Nighinn Chomhluich nan corn ’s nam faobh. [TD 91] [Laideann] [TD 92] B’ is’ an gath-gréine measg mhnài; Bu duibhe na fitheach a ciabh; Bu luath a coin sheilg air tràigh; Chluinnt’ a bogh’ air ghaoith nan sliabh. Bha h-anam air Comal a’ tàmh; ’S tric thachair an gràdh an sùil, Sa’ mhonadh bha iomairt an làmh, Bu taitneach an sanas air chùl, Bu rùn do Ghruamal an òigh; Triath Ardbheinn nam mòr nial. Bha ’aire mu h-astar o shlòigh, Nàmhaid Chomail nan gorm-sgiath. Aon là o ’n t-seilg, is iad sgìth, Ceò ceileadh na frìth o ’n t-sluagh, Thachair Comal is ainnir gun chlìth ’N còs Ronain aig srìth nan stuadh, Aite-còmhnuidh do Chomal o ’n t-seilg, Dha féin is do airm nam buadh. Bha ceud sgiath ard gun mheirg, Ceud clogad treun do chruaidh. ‘Gabh tunaidh,’ ’se thubhairt an t-òg, ‘A Ghealmhìn a’s àillidh snuagh; Ghath-soluis a’s ainneamh an còs; Chi mi cabrach mòr mu’ n chruaich; Falbhaidh, ach tilleam gun tàmh.’ ‘Tha m’ eagal mu nàmhaid,’ thuirt òigh, Mu Ghruamal nach éirich an dàn, Dha ’s annsa Ronan ’s a chòs. [TD 93] [Laideann] [TD 94] Ach fuirigheam am measg nan arm Gu d’ thilleadh o thoirm na seilg.’ Dh’fhalbh e gu Mora an fhéidh. Chum feuchainn nach d’ thréig a ghràdh, Chuir ise na h-airm oirre féin, Is luathaich i ’ceum gu tràigh. Shaoil e gur nàmhaid a bh’ ann; Bhuail a chridh’ gu h-ard a chliabh; Thionndaidh a dhearg-chruth gu bàn, Mu ’shùile bha dorchadas ciar; Tharruing e ’m bogha gu chùl; Leum o ’thaifeid iuthaidh réidh; Thuit Gealmhìn ’na ’fuil, a rùn. Thàinig ’s b’ fhiadhaich a ghnùis ’s a cheum, Ghairm air nighinn Chomluich nan long Gun fhreagradh o thom no sliabh, ‘C’ àite bheil thu, rùn nan sonn, Ainnir ghasda nan trom-chiabh?’ Bha ’cridhes a’ clisgeadh thall Mu ’n iuthaidh a dh’ fhàg a làmh, ‘An tus’ a nighinn Chomluich a t’ ann?’ ’S e tuiteam gun dàil mu ’bràigh. Fhuair sealgair an dithis a b’ ùr An àros an fhéidh ri stuaidh. Bu dorch a laithe mu ’rùn, Bu lìonor a cheum mu ’h-uaigh; Thàinig luingeas naimhd’ o thuath, Bhuail is chuir fo ruaig an dàimh. [TD 95] [Laideann] [TD 96] Ag iarraidh a’ bhàis ro’ ’n t-sluagh, C’ e a bhriseadh a chruaidh air tràigh? Thilg e ’airm dhùbh-ghorm air réidh; Fhuair iuthaidh a chré gun bhàigh. Tha chadal, a Ghealmhìn, ri d’ thaobh Mu iomairt na gaoith air chuan. Chi maruich’ an uaigh maraon ’S e ’g éirigh air druim nan stuadh.” [TD 97] [Laideann] [TD 98] [Blank] [TD 99] FINGAL. CARMEN TERTIUM. [TD 100] [Blank] [TD 101] [Laideann] [TD 102] FIONNGHAL. DUAN III. v. 1-17. “’S TAITNEACH leam focail nam fonn,” Thuirt Cuchullin, an sonn deas, “S taitneach sgeul air àm a dh’fhalbh, Caoin mar bhalbh-dhrùchd madainn shèimh Air dosan is tuim nan ruadhag, ’Nuair a dh’ éireas a’ ghrian gu mall Air slios sàmhach nan liath-bheann, Loch gun bhruaillein fada thall Caoin is gorm air urlar ghleann. A Charuill, tog a rìs do ghuth, Dh’ éirich le aoibhneas san talla, ’Nuair bha Fionnghal nam ball-sgiath Lasadh mu ghnìomh a shìnns’re.” “Fhionnghail, fhir còmhnuidh sa’ chòmhrag,” Thuirt Carull, bu bhinne fonn, “’S lìonor do chleas agus dubh-bhuill; Fo d’fheirg thuit Lochlin nan long, [TD 103] [Laideann] [TD 104] ’Nuair bha d’ aghaidh cho lom rì òigh’. Chunnaic iad aghaidh na h-òige, Bha ’n gàire ’n tòs mu ’n laoch. Bha ’m bàs ’na làimh anns a’ chomhstri. A neart mar thuil Lòra an fhraoich; Mar mhìle sruth bha ’ghaisgich chiar, An carraid nan sgiath, mu ’n t-sonn, ’Nuair ghlac iad righ Lochlin nan sliabh, Is thugadh e sìos dha ’long. Dh’ at ardan ’na chridhe borb, ’N robh bàs dorcha dha ’n òig-fhear ’N anam triath bu choirbte colg. Cha d’fhuair duine buaidh sa’ chomhstri Air Starno ach Fionnghal fhéin. Shuidh an triath ’na thalla thall, An tìr nan Gall is airde coill’. Ghabh e Snìobhan liath ’na dhàil, Is labhair e gu mall le foill; Snìobhan, a thogadh am fonn Aig leac Lòduinn crom san t-sliabh; ’Nuair chluinneadh an fhuath-chlach an sonn, Thilleadh còmhrag ruaig nan triath. “A Shnìobhain, a’s glaise ciabh,” Thubhairt Starno nan sgiath donn, “Siubhail gu Ardbheinn nan sliabh, Gu Selma, mu ’n iadh an tonn; Innis do Fhionnghal an righ, A’s glaine measg mìle triath, [TD 105] [Laideann] [TD 106] Dha bheiream nighean a’ ghuth bhinn; Oigh a’s àillidh thog mìn-uchd riabh, Cho geal a ruighe a tha cruinn, ’S an cobhar air druim a’ chuain. Caoin anam géig a’ chùil duinn. Grad thigeadh an righ air stuaidh; Thigeadh an gaisgeach nach striochd Gu nighinn a’s dìomhaire ceum.” Thàinig Snìobhan bu ghlas ciabh. Chaidh Fionnghal air triall le ’shluagh, Leum anam, a’ lasadh, roi’ ’n triath, Gu ainnir nan ciabh o thuath. “Ceud fàilte,” thuirt Starno bu chiar, “A righ mhòir nan sliabh, ceud fàilt. Bhur beath-sa, ghaisgich mu ’n triath, A shìl innis nan cruach ard. Tri lai, san talla so féin Gabhaibh cuirm is gleus fo ’r ceann; Tri lài measg ciar-thuirc is féidh, Am faoghaid an réidh ’s a’ ghleann. Cluinnidh òigh a’s àillidh bhur cliu, ’S i tunaidh air chùl an t-sluaigh.” Bha bàs nam fear ’na anam borb; Thug e slig is cuirm nam fleagh. Bha amharas an righ mu ’cholg; Chum ’éideadh, is ghlac a shleagh, Thuit eagal air sinns’re a ’bhàis; Theich iad thall o rosg an righ. [TD 107] [Laideann] [TD 108] Dh’ éirich guth aoibhneis mu ’n cuairt; Bha aighear ’ga luaidh air teud, Sheinn bàird air comhstri nam buadh, ’S air ard-uchd fo luaidh an tréin. Thog Ullin, fear-focail an righ, Guth binn o Chòna nam fuaim, Mhol e nighean Lochlin nam frìth ’S triath Mhòirbheinn a’s airde gruaim. Chuala nighean Lochlin an ceòl; Dh’fhàg i ’talla dìomhair thall; Thàinig ’na h-àille dha ’n còir, Mar ghealaich òig o neoil air sàil. Bha sgèimh mar sholus ’ga h-éideadh; Bha ’ceuma mar cheòl nan dàn. Chunnaic i ’n righ ’n òigh bu bheusach; Dh’ éirich osna a cléibh gu mall; Bha gorm-shùil ag iadhadh os ìosal Mu thriath Mhòirbheinn nan liath charn.” An treas là le dearrsa gu iar A’ boillsgeadh air sliabh nam torc, Ghluais Starno nam mala ciar, Is Fionnghal nan sgiath ’s nan lot. Leth soillse chaith iad san t-seilg; Bha sleagh Shelma night’ am fuil. Thàinig nighean Starno nàch mairg, A gorm-shùil fo dheoir an tuil. Thàinig òigh’ le guth bu tlàth, Gu laoch, bu shàr, righ Mhòirbheinn. [TD 109] [Laideann] [TD 110] “Fhionnghail o shinns’ir nan triath, Na cuir earbsa ’n ardan Starno. Tha ’ghaisgich ceilte san t-sliabh, Sa’ choille chiar fo àrmaibh; Seachainn coill’ a bhàis, a righ, A threun-fhir o innis nan ràmh. Thoir cuimhne air Làmh-gheal nan sonn; Cum a h-athair o òigh an uchd bhàin, Righ Mhòirbheinn mu ’n iadh an tonn.” Gun bhruaillein ghluais an t-òig-fhear suas, A ghaisgich ’nan cruaidh r’a thaobh. Thuit luchd a’ bhàis fo ’làimh gu luath, Ghair Gormh-mheall mu ’n cuairt le ’fraoch. Fa chomhair an tall’ an robh fleagh, Chruinnich o ’n t-seilg an sluagh; Thàinig borb-Starn’ le ’shleagh, Dhubh-mhala mar nial air stuadh, ’S a shùil mar ruadh-thein oidhche. “Thigse,” thuirt Starno na strì, “Aghaidh shneachda a’s mìne glòr. Cha robh do chòmhradh faoin do ’n righ; Air a làimh tha fior-fhuil an t-sluaigh.” Thàinig le ’dearg-shùil fo dheoir, A ciabh bu chòrr a sgaoileadh ard, A brollach ban fo osna mòr. Co gheal ri cobhar sruth nan carn. Bhuail Starno a chruaidh ’na taobh; Dh’ aom i mar chuitheamh air an t-sliabh [TD 111] [Laideann] [TD 112] ’N àm tuiteam o Liath-lic an fhraoich, ’S fuaim ’gluasad o ’n aonach chiar, ’Nuair is sàmhach a’ choill’ ’s an t-ard, Is mac-talla snàmh sa’ ghleann. Thug Fionnghal sùil air a shluagh, Is dh’ éirich a shluagh fo àirm. Bha ’n còmhrag mar charraid nan stuadh. Chaidh Lochlin fo ruaig san stoirm. Thog e òigh bu ghlaise snuagh, Ainnir fharast, bu mhìn gnè. Chuir a luingeas ri iomairt a’ chuain; Fo Ardbheinn tha ’h-uaigh san réidh; Tha stuadh mu ’tigh caol gun leus. “Ceud fàilt air d’ anam, a gheug,” Thuirt Cuchullin bu treun làmh. “Ceud fàilt air bàrd, a’s binne beul, ’S air gaisgeach mu ’n d’ éirich dàn. Bu làidir ’na òig’ an righ, Is neartmhor ’na aois a lann. Tuitidh Lochlin fo ’chruadal a rìs, Ard cheannard nam frìth ’s nan gleann. Feuch do ghnùis o neoil ag éirigh, A ghealach, a shoillseadh a shiuil. Ma tha taibhs’ is neartmhor sna speuraibh ’Na shuidh air ceathach gu ’chùl, Tionndaidh a luingeas o charragh, Fhir a tha marcachd nan sìan.” So thuirt Cuchullin nam buadh [TD 113] [Laideann] [TD 114] Aig fuaim sruth uaibhreach nam beann, Thàinig Calmar a lotadh san ruaig, Mac Mhathais gun tuar o’ n ghleann. Thàinig e ’na fhuil o ’n bhlàr; Dh’ aom gaisgeach bu shàr air crann. Bu lag o ’n chòmhrag a làmh, Bha spionnadh ’na anam san àm. “Do bheath’, a mhic Mhathais,” thuirt Conall, “Do bheatha dha d’ chairdibh, a thriath, C’ uim’ a bhris an osna o d’ bhrollach, Fhir anns nach robh eagal riamh.” “Cha robh, a Chonaill, ’s cha bhì, Thriath chòmhraig a’s géire cruaidh, Tha sòlas air m’ anam san strì, ’S binn leam fuaim comhstri an t-sluaigh. Tha mise do shliochd nam beum; Cha robh eagal nan ceud air mo shinns’re. B’ e Cormar an ceud-fhear dhe m’ thréibh; Bha ’aoibhneas an stòirm nan stuadh; Bha ’dhubh-eathar luathmhor, seang, Air sgéith gaoithe, ’n astar a’ chuain. Chuir tanas bruaillein san oidhch; Dh’ at muir gun soills’, bha carradh fuaim; Bha ghaoth ’cur nial agus bhoillsg’ Tein-oidhch air aghaidh nan stuadh. Ghabh eagal is thill e gu tràigh. Bu nàir leis gun ghabh e fiamh, Bhuail e gu aigein gun tàmh Dh’ iarruidh fuath-thanas nan nial, [TD 115] [Laideann] [TD 116] Tri òig-fhir riaghl’ eathar air tonn, Bha ’chlaidheamh, ’s e lom, ’na làimh. ’N dubh-cheathach air àros nan long Dh’ iarr ceannard nan sonn le ’lann: Le l’ann a dh’ iarr an dùbhra, ’S e dlùthadh ri ’n tanas gu cheann. Dh’fhàg sàmhla a’ ghaoth ’s an speur; Dh’ éirich reulta ’s gealach chaoin. “Cho dàna ri m’shinns’re mi féin; Tha Calmar a réir nan sonn. Teichidh cunnart a chaoidh o ’lann; ’S ann dhoibhs tha dàn a bhi’s buaidh. Sibhse, shìl Eirinn na féile, Fàgaibh Léna, ’s fuileach fraoch, Tionail na mhaireas ri chéile Gu righ nam beum, ard-thriath nan laoch. Chualas triall Lochlin fo àirm; Gabhams an còmhrag a’ m’ làimh; Bidh m’ fhocal cho ard ri stòirm; Bidh ’m barail gur mìle th’ ann. Mhic Sheuma, cuir cuimhn’ orm féin; Cuir cuimhn’ air Calmar gun deò; ’Nuair bhuadhaicheas Fionnghal sa’ bheinn, Cum mo chuimhne le cloch o cheò; Cluinnidh gach lìnn a’ m’ dhéigh Air Calmar, e féin, ’s a chliù. Bidh a mhathair an astar an fhéidh, Fo aoibhneas a’ coimhead air ’ùir.” [TD 117] [Laideann] [TD 118] “Mhic Mhathais,” do fhreagair an triath, “Cha do thréig mi thu riamh, ’s cha tréig; Tha m’ aoibhneas an cunnart nan sgiath; Cha deachaidh fo ruaig ’s cha d’ théid. A Chonaill, ’s a Charuill ’araon O ’n aimsir a dh’ aom o shean, Thugaibhs’ ar cairde ro’ ’n fhraoch, Gaisgich Eirinn nan colg sean, ’Nuair a dh’ ìsleas forum a’ chòmhraig, Gheibh sibh sa’ chòmhnard gun deò, Dà churaidh chaidh sìos air chòmhluath Measg mhìlte an comhstri nan slògh. Mhic Fhithil nan ceum ard, Gabh Léna gu gàir a’ chuain; Thigeadh righ Mhòirbheinn gun tàmh, Thigeadh an triath nall gu luath, Mar a’ ghrian an deireadh nan stòirm, Le solus as-ùr dha ’n t-sluagh.” Ghlas madainn air Cromla an fhraoich; Ghluais sìol nan long o thonn gu torr. Sheas Calmar an aghaidh nan laoch; An ardan faoin bha ’anam mòr, Bu ghlas ’na thuar bha triath nam beum; Dh’ aom air sleagh ’athar ’s e fann, Sleagh ’athar o Lara nan treun, Thug e féin gu réidh nan lann, ’Nuair bha anam a mhàthar fo cheò, Anam Alcletha ’na h-aonar, [TD 119] [Laideann] [TD 120] ’S i ’g aomadh fo bhròn na h-oidhche. Ghlac an t-sleagh, ach thuit e thall, Mar chraoibh a striochdadh air sliabh. Sheas Cuchullin ’na aonar sa’ bhlàr, Mar chraig an gaineamh sheas an triath, Craig air an taomadh an cuan Neart nan stuadh gu fuar r’a taobh; Bhi cobhar bàn mu ’muineal shuas, Na cuirn a’ fuaim air cruaich an fhraoich. O ’n cheathach glas air toirm nan stuadh, Chunn’cas luingeas nan seòl bàn, Luingeas Fhionnghail nan sàr-thriath, Ard mar choille chiar an croinn Géilleadh ma-seach air druim a’ chuain. Chunnaic Suaran o leac nan os, Is thill e o ruaig na h-Eirinn. Mar thaomas an cuan o thràigh Mu cheud innis ghàireach nan torc; Cho beucach, dubhlaidh, leathan, mòr Ghluais Lochlin fa chòir an righ. Crom is deurach, brònach, mall, A shleagh san fhraoch r’a thaobh ’s ’na dhéigh, Luidh Cuchullin thall sa’ choill’, Mar theine soillse roimh a bhàs. M’a chairdibh bha mulad an laoich An codal caoin air sliabh nam blàr, B’ eagal dha aghaidh an righ, Chuir fàilt air o ’n strì cho tric. [TD 121] [Laideann] [TD 122] “Is lìonmhor mo laoich air làr, Tréith Eirinn, a b’ àillidh snuagh, Iadsa bha sùirdeal san talla, ’Nuair a dh’éirich forum nan corn; Cha ’n fhaic mi a chaoidh an ceuma Am fraoch air eaduinn nan sìan: Cha chluinn mi an guth san t-seilg Aig sruth an deirg san aonach; Clos, sàmhach, is ìosal nan codal Nan luidhe gun leus tha mo chairde. A thanais fhaoin nam marbh-laoch, Tach’ribh san fhraoch orm féin, ’Nuair lùbas craobh Thùra fo ghaoith, ’S fuaim bhaoth air aghaidh na beinne. Luidheam fada thall os ìosall Gun fhios do dh’fhear-focail no dàin; Cha ’n éirich dhomh clach no uaigh Aig iomall nan stuadh, no ’n gleann. Bi brònach, ’s mi ’measg nam marbh, A Bhra’-gheal a’s àillidh ciabh, Bi brònach, ’s mo chliu air fàlbh!” Mar sin a labhair an triath, ’Nuair chuir e an sliabh air chùl. An righ ’na long bha làidir còrr, Sìneadh a mach gu mòr a shleagh: Bha ’chruaidh mar lasair air scòrr; Dearbh-theachdair a’ bhàis sa’ mhagh, ’Nuair luidheas air Meallmor an fhraoich [TD 123] [Laideann] [TD 124] An caol-dhealan o ’n fhaoin-thaibhs’, Am fear-siubhail fo eagal leis féin, ’S a’ ghealach a’ dubhadh san speur. “Dh’ aom an còmhrag,” thuirt an righ, “Chi ’m obair na strì san réidh, Fuil chraobhach mo chairde san fhrìth. Is brònach do fhraoch’ a Léna; ’S brònach daraig air bheinn Chromla. ’Nan neart thuit sealg-fhir bu tréine; ’S mac Sheuma nam beum air chòmhluath. Fhillein ’s a Roinne, mo dhà mhac, Togaibhs’ an stoc aig Fionnghal; Dìribh air aghaidh nan cnoc, Is gairmibh gu loch na Iorghuil, Gairmibh nàmhaid o uaigh Làmhdhearg, An triath a ghabh tàmh o shean. Biodh bhur guth mar ghuth bhur n-athar, ’Nuair a dh’ éireas dha gabhail o chòmhraig. Feitheam an so an laoch treun; Feitheam mu Léna air Suaran. Thigeadh an gaisgeach leis féin, No maille r’a cheud fo ’n àirmibh. Thigeadh na nàimhde gu léir; Inn’sibh gur treun ’s gur garbh sinn.” Chaidh Roinne ruadh g’ a luaths’ mar dhealan; Bha Fillean mar fhoghair fo ghruaim. Chualas thar Léna nan gleannan Stoc Fhionnghail le sinns’re a’ chuain. [TD 125] [Laideann] [TD 126] Mar thràigh fhuaimear a’ chuain mhòir, A’ tilleadh o thòrr thìr an t-sneachd, Cho làidir, cho dorcha, cho còrr Theiring sliochd nan long o ’n leac. Bha ’n righ rompa mòr is treun Am beud àrdain sgéithe ’s àirm. Las fearg air dubh-aghaidh nach tioma. Bha ’shùil mar theine sléibh an stòirm. Chunnaic Fionn mac Stairn’ bu chòrr, ’S bha ’chuimhn’ air òigh an t-sneachd; ’Nuair thuit i, bha Suaran fo dheoir; Mu ’n òg-mhnaoi a b’ àillidh leac’. Chaidh Ullin nam fonn dh’a chòir G’ a chuireadh gu cùirm air tràigh. Bu thaitneach do righ nam beann-mòr Cuimhn’ air ainnir a cheud-ghràidh. Thàinig Ullin a b’ aosda ceum, ’S labhair e féin ri mac Stairn. “Thus’ o thìr fada fhir thréin, ’S coimeas ’na d’ éideadh ’s ’na ’d àirm Ri craig am meadhon nan stuadh, Thigse gu cuirm nan triath, Caith là na sàmhchair fo fhleagh; Am màireach bi briseadh nan sgiath, ’S a’ chòmhrag mu ’n iadh an t-sleagh.” “N diugh féin,” thuirt mac Stairn’, “an diugh féin Briseam sa’ bheinn an t-sleagh. ’Màireach bidh do righse gun ghleus, [TD 127] [Laideann] [TD 128] Agus Suaran ’s a thréin aig fleagh.” “Am màireach biodh fleagh aig an triath,” Thuirt righ Mhòirbheinn fo fhiamh gàir’, “’N diugh cuiream an còmhrag air sliabh, Agus bris’maid an sgiath bu shàr. Osein, seas suas ri mo làimh, Ghaill, togsa do lann, fhir mhòir; Fhearghuis, tarruing taifeid nach mall; Tilgs’, Fhillein, do chrann bu chòrr. Togaibhs’ ’ur sgéith gu h-ard, Mar ghealaich fo sgàil’ san speur: Biodh ’ur sleaghan mar theachdair a’ bhàis; Leanuibh, leanuibh mo chliu ’s mi féin; Bi’bh coimeas do cheud sa’ bhlàr.” Mar cheud gaoth an daraig Mhòirbheinn, Mar cheud sruth o thòrr nan aonach, Mar neoil a’ curradh gu dubhlaidh, Mar chuan mòr air tràigh a’ taomadh, Cho leathan, beucach, dorcha, borb Thachair laoich fo cholg air Léna. Bha gairm an t-sluaigh air cruaich nam beann, Mar thorrunn an oidhch nan sìan, ’Nuair a bhriseas nial Chona nan gleann, ’S mìle taibhs’ a’ sgreadadh gu dìan Air gaoith fhaoin fhiar nan carn. Ghluais an righ ’na ’neart gu luath, Mar thanas Thréinmhoir, fuath gun bhàigh, ’Nuair thig e ’n crom-osag nan stuadh [TD 129] [Laideann] [TD 130] Gu Mòrbheinn, tìr sinns’re a ghràidh. Bidh ’n daraig a’ fuaim sa’ bheinn, Tuitidh carraig na sléibh fa chòir; Ro’ ’n dealan chithear e féin; O charn gu carn bidh cheuma mòr. B’fhuileach leam m’ athair san fhrìth, ’N àm thogail le cli a lann; Bha cuimhn’ air òig’ aig an righ, ’Nuair chathadh leis strì nan gleann. Shiubhail Roinne mar theine nan speur; Bu dorcha gu léir bha Gall; Chaidh Feargus mar ghaoith sa’ bheinn; Ghluais Fillean mar cheathach ri tom; Bha Oisian mar charragh sa’ chòmhrag; Bha m’ anam a’ mòrchuis mu ’n righ, Bu lìonmhor na bàis, ’s bu dubhlaidh Fo dhealan mo mhòr-lainn san strì. Cha robh ’n sin mo chiabh cho glas; Cha do chrith mo làmh le aois; Bha léirsinn mo shùl’ gun dol as, Is shiùladh mo chas dhomh a chaoidh. C’ e dh’ inn’seadh air bàs nan slògh? C’ e air gnìomhaibh nam mòr-thriath, Nuair lasadh gu feirg an righ còrr Caitheadh Lochlin air tòrr nan sliabh? Dh’ éirich toirm air thoirm o ’n t-sluagh, Gu ’n thuit air an stuadh an oidhch. Fann, a crith, gun tuar, mar fhéidh, [TD 131] [Laideann] [TD 132] Thionail Lochlin air Léna ’n fhraoich. Shuidh sinne mu chlàrsaichean grinn Aig Lùbar nan sèimh-uisg caoin. ’S e ’n righ bu teinn air an tom ’S e clàistinn binn-sgeul nam bàrd; Bha sinns’re nam mòr-ghnìomh san fhonn, Gach gaisgeach a b’ aosda dàn. Air sgéith bha aomadh an righ; Bha osag na frìth ’na chiabh, A smaointean air làithibh na strì, An àm bu neo-chlith na tréith. R’a thaobh ’na sheasadh ri crann Bha Oscar nan lann bu chòrr, A shùil air righ Mhòirbheinn nan gleann, Is ’anam m’a ghnìomhaibh mòr. “Mhic mo mhic,” thuirt an righ, “Oscair na strì ’na d’ òige, Chunnam do chlaidheamh nach mìn; Bha m’ àrdan mu m’ shinns’re mòr. Leansa cliu na dh’ aom a chaoidh; Mar d’ aithreacha bi-se fein, Mar Threunmor, ceud cheannard nan saoi, Mar Thràthal, sàr athair nan treun. ’Nan òige bhuail iad am blàr; An duana nam bard tha ’n cliu. Bi-se mar shruth ris na sàir; Ri laigse nan lann cho ciuin Ri aiteal gaoith air raon an fhéir. [TD 133] [Laideann] [TD 134] Mar sin bha Treunmor nan sgiath, Is Trathal, ceannard nan triath; Mar sin bha mo ghnìomh san t-sliabh. Bha ’m feumach riamh ri mo làimh, ’S dh’fhàs an lag dàna fo m’ chruaidh. Na iarrsa carraid nan sgiath; ’S na diùlt i air sliabh nan cruach. * * * * * * * * * * * * * * * * * * * * Fhillein is Oscair nan ciabh donn, Laoich nach trom air aghaidh frìth, ’Na m’ fhianuis gabhaibhs’ an tom; Faicibh Lochlin nan long o ’n strì. Cluinneams’ an gluasad thall, Mar thoirm a thig fada o stuaidh, No coille nan cruach. Na bibh mall, Mus gabh iad luingeas gu tuath, A fàgail le luaths mo lann. ’S iomadh triath is gaisgeach beumach Shìol Eirinn gun leus tha marbh; Tha sinns’re a’ chòmhraig gun éirigh, Mhic Chromla nan torrunn garbh.” Ghluais laoich, bu dorcha tuar, Mar neul fuar-charbaid nan taibhs’, ’Nuair thig sliochd na gaoithe gu luath A chur gruaim air sluagh mu n’ bhàs. [TD 135] [Laideann] [TD 136] ’N sin dh’ éirich mac Mhorni gu mall, Gall mar charraig thall san oidhche, Fhocal mar shruth mòr nan carn, A chruaidh-shleagh g’a ceann a soillse. “A mhic a’ chòmhraig,” thuirt an triath, “Righ Mhòrbheinn nan sgiath ’s nan corn, Biodh bàird a’ cur fonn air sliabh, Air chàirdibh Eirinn nam fiar-cholg. A righ, cuir gu truaill do lann, Thoir dha ’n t-sluagh an còir, a thriath; Tha sinne crìonadh, ’s ar cliu gann ’S tu féin a’ briseadh gach sgéithe. ’Nuair dh’ éireas madainn air cruaich, Seall fada shuas air ar gnìomh; Fairicheadh Lochlin an iomall a’ chuain, Gu ’m bheil claidheamh san ruaig gun ghìomh. ’N sin a labh’ras am bàrd orm féin. B’ e so an cleachda bha riamh Aig sinns’re nan sgiath sa’ mhagh; B’ e so do chleachda féin, a thriath, An còmhstri mu ’n iadh an t-sleagh.” “A mhic Mhorni,” thuirt an righ, “Tha m’ àrdan gu léir na ’d chliu; Riaghl’ còmhrag an iomairt na strì; Bidh sleagh nach ’eil mìn ri d’ chùl. Togaibh, togaibh, shìl nam fonn; Is dùnaibh gu trom mo rosg; Luidheam sìos ri fuaim nan tonn [TD 137] [Laideann] [TD 138] Fo osaig chrom na h-oidhche nochd. Ma tha thus’ Aghaidh ’n t-sneachda, Anns an leac am measg do shluaigh; Ma shuidheas tu, a réir mo bheachda, Air gaoith mu chranna na stuaidh. Thigse gu m’ aisling, a Làmhgheal; Bi snàmh air m’ anam, ’s mi m’ shuain.” ’S iomadh guth is clàrsach ghrinn, Bha ’g éirigh suas air strì nam fonn, Na dàin air ard-ghnìomh an righ, ’S air sinns’re cheannaird nan sonn. Air uair chluinnte sa’ chaoin-fhuaim Ainm Oisein ’s a luaths sa’ mhagh: ’S tric a bhuail ’s a thug mi buaidh An còmhrag nan ruaig le sléigh. Gu dall, gu deurach, ’s gu faoin, Tha mo shiubhal le daoine gun chlì. Mhòr Fhionnghail, cha ’n fhaic mi thu chaoidh, Thu féin no do shuinn, a righ; Tha ’n ruadhag a spioladh air d’ uaigh, Righ Mhòrbheinn, a ’s uaine tom, Biodh d’ anam fo aoibhneas r’a luaidh, A cheannard nam buaidh ’s nan sonn Aig Còna nan cruach ard. [TD 139] [Laideann] [TD 140] [Blank] [TD 141] FINGAL. CARMEN QUARTUM. [TD 142] [Blank] [TD 143] [Laideann] [TD 144] FIONNGHAL. DUAN IV. v. 1-17. Co thigeadh le fonn do n’ bheinn, Mar bhogha Léna nam braon mall? ’S i òigh a ghuth-ghràidh a th’ann, Nighean Thoscair a’s gile làmh. Is tric a chual’ thu fonn uam féin; ’S tric a thug thu deoir na h-àille. An d’thig thu gu còmhrag nan treun, Gu gnìomh Oscair a ghorm-mhàille? C’ uin shiùbhlas an duibre o Chòna Nan sruth mòr a’s àirde fuaim? Chaidh mo lài seachad ’sa chòmhrag; Tha m’ aois fo dhòruinn ’s fo ghruaim. A nighean nan làmh mar an sneachd Cha robh mi cho brònach ’s cho dall, Cha robh mi cho dorcha gun bheachd, ’Nuair thug Eimhir-àluinn a gràdh, Eimhir-àluinn nan ciabh donn, [TD 145] [Laideann] [TD 146] Nighean Bhrano a bhroillich bhàin. ’Na ’déigh a bha mìle sonn; Do mhìle sonn dhiult is’ a làmh: Chuireadh laoich nan lann air chùl; B’ àille ’na sùilse bha Oisian. Chaidh mise dh’ iarruidh na h-òigh Gu Légo mòr, a’s dorcha stuadh. Dà-ghaisgeach-dheug a bha ’mo chòir, Sìol Mhòirbheinn nan sruth ’s nan cruach. Thàinig gu Brano na dàimh, Brano na màil’ an robh fuaim. “Co as,” thuirt ceannard an àigh, “Na h-òig-fhir fo airm ’s fo chruaidh? Cha ’n fhuras géill’ a thoirt o òigh, Dhiùlt triath Eirinn nan gorm-shùl. Ceud fàilt air ceannard nan slòigh, Mac Fhionnghail, a’s mòr cliù. Is sona ’n òigh a ghéilleas dhuit féin, A ghaisgich thréin nan gnìomh corr; Ge bu leamsa dà-nighean-dheug, Bu leatsa do rogha, a sheoid.” Dh’fhosgail e talla na h-òigh, Eimhir-àluinn nan ciabh donn. Dh’ éirich aoibhneas an anam an t-slòigh Chuir fàilt air nighinn Bhrano nan long. Gu h-ard air firich an fhéidh Bha Cormac, e féin ’s a shluagh, Ochd gaisgich dha ’n triath sa’ bheinn; [TD 147] [Laideann] [TD 148] Bha dearrsa na gréin air an cruaidh. ’N sin Colla is Dura nan lot, Taog agus Freasdal, bu shàr, Daora nan gnìomh nach b’ olc, Is Daola, fear cumhainn a bhlàir, Bha lann ’na theine ’na làimh féin; Bu ghlan a dhreach sa’ bheinn fo chruaidh. Bha ochdnar aig Oisian fir threun, Thàinig thairis gun bheud air chuan. Bha Ullin, mac a chòmhraig, ann, Is Mulla nan lann ’s nan gnìomh; Scallag uasal, bu shuairce làmh, Oglan feargach, Cairdeal gun ghìamh; Bha Dubh mac Roinne mala bhàis ’Na sheasamh san ard ri m’ thaobh. C’ar son air dheireadh, Ogair shàir, Fhir chliùair air Ardbheinn an fhraoich? Thachair Ogar air garbh Dhaol’, Taobh ri taobh air réidh nan sonn. Bha còmhrag nan triath mar ghaoith Air chuan baoth a’s cobharach tonn. Chuimhnich Ogar air a lann, Ball-airm bu dheise dha ’làimh; Naoi uairibh reub e nàmhaid thall. Thionndaidh storm-chruadal a bhlàir. Tri chuairt do bhris mi a sgiath; Tri chuairt bhris an triath a shleagh. Thuit a cheann àill’ air an t-sliabh; [TD 149] [Laideann] [TD 150] Chaidh càirdean an tréith fo ruaig. C’ air bith am fear a dh’ inn’seadh, òigh, ’S mi ’n comhstri’ nan slòigh an soills’ Gu ’m bithinn dall dubhach am bròn ’Cur thairis an ceò na h-oidhch, Bu chòir dha bhi ’m màile treun Gun choimeas an beum nan lann. Air fraoch Léna, ’s duirche gruaim, Dh’ ìslich toirm nam fonn gu làr, Gaoth a’ caochladh làidir shuas, Duille fuaim fo ruadh chraoibh thall. Bha m’ bheachd air Eimhir a b’ àille, ’Nuair thàinig i an solus bu chorr, A gorm-shùil fo dheoir bu tlàth. Sheas i air faobhar a neoil, A guth-beoil gu faoin is mall. “Eirich, Oisein, éirich gu luath, Saor mac mo luaidh o chruaidh nan lann; Saor Oscar, òg-cheannard an t-sluaigh ’S e ’còmhrag ri Tuathaich ’sa ghleann Air taobh Lùbar nan sruth gann. Thuit i gu h-ealamh fo ’nial. Thog mi sgiath is màile chruaidh; Bha sleagh na m’ làimh air an t-sliabh, O m’ luraich chiar do dh’éirich fuaim, Bha fonn mo dhàin air treith a dh’fhalbh, ’G a mhùchadh, mar b’ àbhais, na m’ bheul. Chuala Lochlin an toirm thall: [TD 151] [Laideann] [TD 152] Theich; is lean mo mhac bu treun. Ghlaodh mi mar shruth mòthar mall, “Oscair, thig a nall thar Léna; Na lean-sa ni ’s fhaide ’n ruaig, Ge d’ tha mo làmh ’s mo chruaidh a’ d’ dhéigh.” Thàinig, ’sbu thaitneach na m’ chluas Fuaim Oscair ’na chruaidh shàir. ‘C’ ar son a chaisgear, m’ athair, mo làmh Gu ’n aomadh am bàs iad gu léir? Dorcha, baoth, aig sruth nan carn Chas iad ri m’ lann ’s ri Fillean; Bha m’ aire air fuathas na h-oidhch. Dh’fhàg soillse cuid dhiubh ’san fhrìth.” Mar ghaoith oidhch’ air aghaidh chuain Taomadh luath air gaineamh Mhòra, Cho dorch’ thig Suaran ’s a shluagh Thar Léna nan cruach gun chòmhradh. Tha tanais fhuair a screadail thall, Chunnas tein a bhàis air Lòra. Duisgeam o ’chodal an treun-fhear Fiamh-ghàireach am beum nan toirm. Tha esa mar ghrian anns na speuraibh, Dha ’n géill mòr ghailleann nan stoirm. Mhosgail o aisling an triath, Agus dh’ aom e air sgéith Thréinmhoir, Sgéith mhòir leathain nan dreach ciar, Thog ’athair ann sliabh nam feadhna. Thàinig ’na chodal do n’ ghaisgeach [TD 153] [Laideann] [TD 154] Aghaidh-’n t-sneachda ’na cruth faoin; Thàinig i o astar a chuain; Bu ghlas a tuar a réir a bheachd Mall ’gluasad ’na h-aonar o n’ stuaidh, Dubh-dheoir a’ ruith luath o ’n leac. Leth-fhaict’ thog i ’làmh o h-earradh, O h-earradh do neoil na fàsaich; Thog ’làmh thar ceannard nam feara. Thionndaidh i ’sealladh, s i sàmhach. “C’ ar son fo dheoir, a nighean Stairno?” Thuirt Fionnghal le spàirn a chléibh, “C’ ar son gun tuair a rùin nan garbh-threun, A’s àille siubhal’ an neoil nan speur?” Dh’ imich i air gaoith o Léna; Dh’fhàg i ’n treun an iomall oidhch: Bha ’bròn mu ’sinns’re an Eirinn Gu tuiteam sa’ bheinn ri soills’. Ghrad-bhris an laoch o ’shuain; ’Na bheachd bha ainnir nan cruth faoin. Thàinig ceuma Oscair gu luath, A sgiath chruaidh ’s i liath r’a thaobh. Bha dearrsa ’g éirigh o ’n ear ’Cur glaise air lear a chuain. “Cia maitheas th’ aig nàmhaid fo fhiamh? Thuirt ceannard nan triath ag éirigh; “Na theich iad gu cuan o ’n t-sliabh, No ’n d’fhan iad fo ’n sgiathaibh air Léna?” “C’ uim an iarradh ân righ mu ’n t-sluagh? [TD 155] [Laideann] [TD 156] Cluinneam an guth air fuar-ghaoith.’ “Imich thar Léna gu luath, Shàr Oscair, is gluais na laoich.” Aig crom-chloich Lùbair sheas an righ; Tri chuairt thog e suas a ghuth. Chlisg féidh air Chromla nam frìth, Chrith carraig, is cruach, is sruth. Mar thoirm ceud sruth mòr o ’n aonach A leumas fo chobhar ’s a bheucas, Mar thionaileas gu stoirm ’s a thaomas Neoil chaochlach air ghorm nan speur, Thachair gaisgich nam fàs-bheann Fo ghuth ’s fo lann an righ. Bu thaitneach do shluagh a thìr féin Guth righ Mhòrbheinn, bu threun làmh; ’S tric lean iad gu làrach nam beum, ’S a thill iad le faoibh o n’ bhlàr. “Gluaisibh gu comhrag,” thuirt an triath, “Chlann Shelma a’s àirde fuaim; Gluaisibh gu bàs mhìlt’ air sliabh; Chi mac Cumhail an strì o n’ chruaich; Bidh mo lann r’ar cùl ’sa bheinn Ag cumail o bheud mo shluagh. Na faiceam a chaoidh air feum, ’S mac Mhorni ’na eididh cruaidh, Sàr cheannard nan treun-fhear ’sa bhlàr, Mu ’m bi na fir-dàn a’ luaidh. Chaol-thanais nan triath nach beò, [TD 157] [Laideann] [TD 158] Tha marcachd air ceò sa’ ghaoith, Glacaibh na thuiteas gun deò, Is togaibh gu Cromla na laoich; Fhuar osag Léna, iomraich thall Thar aigein na tréin gu ’n tìr; Thigeadh iad air m’ aislinge mall Chur aoibhnis air m’ anam an sìth. Fhillein, is Oscair nan ciabh donn, Oig Roinne, nach lom cruaidh, Gluaisibh le cruadal fo ’n t-sonn, Mac Mhorni a’s mòr san ruaig; Biodh ’ur lanna mar a lann san strì; Faicibh a ghnìomh nach clìth sa’ bhlàr; O bheud cùmt’’ ùr càirde san fhrìth, ’Cur cuimhn air an ti a dh’fhalbh. Chithear air uair mo laoich shàr, ’N déigh tuiteam an Eirinn sa’ chòmhrag; Chithear tanais gun tuar sa’ charn Air neoil agus fuar-ghaoith Chòna.” Mar nial ri stoirm a’s duirche gruaim, Is iomall a’ lasadh le dealan, Gu iar le gath maduinn fo ruaig, Mar sin ghabh righ Shelma am bealach. Mar fhuathas bha solus nan arm, Dà shleagh ro gharbh ’na làimh. Air gaoith bha sgaoileadh a chiabh ghlais, ’S a shealladh o ’thaobh air a chòmhrag. Lean tri bàird am mòr thriath [TD 159] [Laideann] [TD 160] Thoirt ’fhocail thar sliabh gu sluagh. Air Chromla shuidh an righ gu h-ard, Is ghluais sinne mar ghluais a lann. Dh’ éirich aoibhneas air Oscar an àigh, A ghruaidh dearg ’s a shùil fo dheoir, Mar ghath teine a lann ’na làimh, ’S labhair ri Oisian le faoil. “Cheannaird còmhraig nan cruaidh-bheum, Athair theoma cluinnsa mo ghuth; Gluais gu righ Mhòirbheinn an treun; Thoir dhomh féin mo chòir dheth d’ chliù. Ma thuiteas mi ’n so sa bhlàr, Cuimhnichse uchd bàn mar shneachd, Gath gréine ’na h-aonar, mo ghràdh, Làmh-gheal nighean Thoscair nam feachd. Tha ’gruaidh dhearg air carraig thall Ag aomadh gu mall thar sruth, A ciabh bhog a taomadh m’ a ceann, ’S i togail mu Oscar a guth. Innis gu bheil mi sa’ chruaich, Mo thanas gun tuar sa’ ghaoith, Gu ’n tachair san nial tha luath Mo luaidh, nighean Thoscair nan saoi.” “Cuir, Oscair, cuir mise san uaigh; Cha ghéill mi an cruas do threun, ’S mi ’n toiseach na strì fo chruaidh; Gabh eòlas nam buadh uam fein. Cuimhnich, Oscair, cuir mo lann, [TD 161] [Laideann] [TD 162] M’ iuthar càm is cròc an fhéidh Air taobh cloich ghlais a tha ri ceann Caol, thall, a chàirn gun leus. Oscair, cha ’n ’eil rùn dhomh fein, Gu ’fàgail a mhic, fo do làimh; O thuit Eimhir-àluinn nan treun, Nighean Bhrano nan geur lann.” Sin mar bha ’r focail san t-sliabh, ’Nuair thog Gall nan sgiath gu h-ard A ghuth mòr mar ghàir a chuain Air gaoith nan cruach a’ fàs. Thog an triath lann ’athar gu mall, Is ghluais sinn gu bàs nan lot, Mar thonn gucagach air sàil, Bàn, atmhor, gàireach, beucach shuas, Mar charradh dubh is stuaidh gu ’bàrr, Thachair naimhde ’s bhuail an sluagh. Bha fear air fear, is cruaidh air cruaidh, An sgiatha fuaim is daoin air làr. Mar cheud ord le spàirn is luath Air dearg mhac teallaich ’na chaoir ard, Mar sin dh’ éirich airm an t-sluaigh, ’S mar sin bha fuaim nan lann. Ghluais Gall mar osaig an Ardbheinn, ’S b’ e sgriosadh nan treun a lann. Bha Suaran mar choimeas do gharbh-thein Am fraoch Ghorm-mheall ’s i lasadh g’ a ceann. C’uim an cuirinnse sìos san dàn [TD 163] [Laideann] [TD 164] Gach bàs a bha ann fo shléigh? Dh’ éirich mo chlaidheamh san àm ’Na dhealan a’ m’ laimh sa’ mhagh. Oscair, b’ fhuathasach thu féin, Mo shàr mhac bu tréin ’s a b’fhearr; Bha sòlas ’nam anam sa’ bheinn Ri faicinn do bheum sa’ bhlàr. Air leac Léna dh’ aom an sluagh; Lean sinn’ an ruaig agus mharbh. Mar chloich a’ leum o chruaich gu cruaich, Mar thuaigh an coille ’s a fuaim ard, Mar shiùbhlas torrunn o bheinn gu beinn, Briste, beucach, brònach shuas, Bha buill air bhuille, ’s beum air bheum O Oscar bu treun ’s o mo chruaidh. Dh’ iadh Suaran mu thriath nan lann, Mac Mhorni air ceann an t-sluaigh; Mar mhuir Innis-thorc gu neo-ghann, ’N àm lìonadh le neart a chuain. Leth dh’ éirich an righ san àird; Leth ghabh e ’na làimh an t-sleagh. “Gluais, Ullin, grad-ghluais, a bhàird; Thoir m’ fhocal gun tàmh thar a mhagh. Thoir cuimhn a còmhraig do Ghall, Cuimhn aithreacha chrom an ceann, Tog suas an chomhstri le fonn, Le fonn a dhuisgear am blàr.” Ghluais Ullin mòr, a b’aosda ceum [TD 165] [Laideann] [TD 166] Is labhair ri gaisgeach nach gann, “A thriath each-ruith nan ard-leum, A righ nan sleagh a’s beumach lann, Làmh threun ’s gach càs, cridh’ ard, nach géill, A thriath mhòir, a’s géire cruaidh, Gearr sìos na dàimh, ’s na fàg dhoibh féin Siuil bhàn a dh’ éireas air cuan. Mar thorrunn biodh do làmh, a laoich, Do dhearg-shùil mar chaoir a’ d’ cheann, Mar charradh cruaidh do chridh a’ d’ thaobh, Mar dhealan san oidhche do lann, Tog do sgiath mar reul a bhàis, A thriath each-ruith nam mòr-shrann.” Dh’éirich cridh’ an laoich gu h-ard. Thàinig Suaran nall le còmhrag, Bhris e ’n sgiath bhallach aig Gall; Chaidh Selmà san tom fo ’n ruaig. Ghrad-ghluais righ Mhòirbheinn fo airm; Thog e ’ghuth garbh tri chuairt; Fhreagair Cromla o àros nan stoirm; Sheas sinns’re nam fàs-bheann shuas Dh’ aom iad gach aghaidh gu làr Fo nàir’ am fianuis an righ. Mar nial tigh-còmhnuidh nan sìan, Thig sìos air là gréin o charn, Raoin an dùil uisge gu dìan, ’S an crìon-allt ag iadhadh ro’ ghleann, Tha sàmhchair mu ’shiubhal gu h-ard; [TD 167] [Laideann] [TD 168] Teann air tha gàire nan stoirm. Chunnaic Suaran righ Mhòirbheinn thall, Is thionndaidh a làmh o ’n ruaig; Dorcha dh’ aom e air a shleagh, A dhearg-shùil air a mhagh a’ gluasad. Sàmhach is mòr a bha ’n triath Mar dharaig ’s i liath air Lùbair, A chaill a dlùth-gheug o shean Le dealan glan nan speur, Tha h-aomadh thar sruth o shliabh, A caoineach mar chiabh a’ fuaim. Mar sin a sheas righ nan donn-sgiath, Gu ’n ghluaiseadh leis suas gu mall Thar Léna a b’fhuileach sliabh. Thaom a mhìlte mu ’n triath gun dàil, Thionail duirche thall san réidh. Bha Fionnghal mar theine nan speur A’ soillse measg tréin a shlòigh, ’Gharbh ghaisgich bu chorr ’na dhéigh. Le cumhachd dh’ éirich a ghuth mòr; “Togaibh mo bhrataiche suas; Sgaoilibh iad air cruachan Léna, Mar lasair a chithear thar stuadh; Biodh am fuaim air gaoith na h-Eirinn. A shinns’re nan sruth beucach, mòr, Thaomas o mhìle torr is gleann, Cluinnibhse m’ fhocail, fhir chorr, A Ghaill, a’s neartmhor làmh is lann, [TD 169] [Laideann] [TD 170] Oscair nan còmhrag tha tighinn, A Chonaill nan gorm-bhallach sgiath, A shàr Dhiarmaid nan ciabh donn, Oisein, righ nam fonn ’s nan dàn, Bi-sa, bi-sa ri làimh d’ athar An carraid a sgatha nan ceud.” Thog sinn Deò-ghréine ri crann, A bhratach mhòr aig righ nan lann. Bha sòlas an anam gach triath, ’Nuair thog i a sgiath ri gaoith. Bha ’gorm-shlios ballach le h-òr Mar shlige ghlais mhòir na h-oidhch’, ’Nuair sheallas na réil’ o n’ speur. Bha bratach aig gach triath dha féin, ’S a ghaisgich bu treun m’a chruaidh. “Faic,” thuirt righ nan slige fial, “Roinneadh Lochlin air sliabh Léna; Mar neoil dhubh bhriste tha ’n triall, ’N déigh tuiteam dha ’n t-sìan air Eirinn: ’S coimeas iad ri coille liath Leth-loisgte air sgiath nan carn, ’Nuair chithear an dealan gu ’thrian Dol seachad air gheug gun bhàrr: Gach triath do chàirde ’ur triath Taghadh dheth ’n nàmhaid a chòir, ’S na leigibh do shinns’re nan sliabh, Sìol Innis nan ciar-thorc mòr, Tilleadh thar chuan gu ’n tìr.” [TD 171] [Laideann] [TD 172] “Leamsa,” thuirt Gall, “na seachd suinn, Thàinig o thuinn an Loch Làin’.” “Thigeadh Eric mòr a chùl duinn Gu Oscar mac triath nan dàn.” Thuirt Conall, “Biodh Innis nan Con Dha mo làimhs’, an sonn gun bhàigh.” “Bidh Mùdan,” thuirt Diarmaid donn, “No mise air lom san tràigh.” Thagh mise, an diugh dall is faoin, Righ Thormainn nan còmhrag fial. Gheall mi gu ’n cois’ninn o ’n laoch A ghorm-lann is a dhonn-sgiath.” “Mòr-rath is buaidh air gach sonn,” Thuirt Fionnghal bu chaoine beus; “Shuarain, righ bheucail nan tonn, Is tus’ mo roghadhsa, fhir thréin.” Mar cheud gaoth o cheud aonach A’ garbh-thaomadh o cheud gleann, Briseadh dorch’ ri cruaich ag aomadh, Ghrad-ghluais sìol Shelma nam beann. Bha Cromleac nam fuath a’ fuaim thall. C’ e b’ urrainn aithris na bàis, ’Nuair a dhùin sinn air tràigh na frìth? Nighean uasal Thoscair nan lann, B’ fhuileach ar làmh anns an strì. Thuit aghaidh an nàmhaid sa’ chòmhrag, Mar bhruach Chòna nan sruth garbh, Chaidh tréith ’s an gealladh air chòmhla; [TD 173] [Laideann] [TD 174] Thug sinn a bhuaidh agus mharbh. Aig sruth gàireach Bhrain nan cruach ’S tric a shuidh òigh nan geal-làmh, Sgìth o ’n t-séilg, do bhrollach shuas Ag éirigh gu luath cho làn Ri slios eal’ air linne snàmh, ’S i thall fo chomas na gaoith, A sgiath bhàn ag éirigh gu mall ’S an osag ag iadhadh m’a taobh. Chunnaic thu, oigh, ’sa bheinn ard Ghrian ag aomadh dearg fo neoil, Dùbhra dùnadh dlùth mu n’ charn, Osna briseadh thall ro’ ’n cheò; Chunnaic thu uisge tuiteam trom, Torrunn o thom gu tom ’sa ghleann, Fuathais air dealain o ’n tonn, Neart a mhonaidh gu lom o charn Sruth gàireach nam beann gu tràigh. Mar sin bha toirm mhòr a bhlàir, Chaoin ainnir nan làmh mar shneachd’. C’ uim thuiteadh do dheoir gu làr, Nighean àluinn Thoscair nam feachd? Do òighe Lochlin biodh am bròn, ’S e ’n slòigh a ghéill ’sa thuit sa’ chòmhrag. B’ fhuileach lainn nam faobhar gorm Aig sìol nan triath mòr o Chòna. Tha mise deurach dall fo bhròn, Gun choimeas ni ’s mo do thriath; [TD 175] [Laideann] [TD 176] Thoir dhomhsa, Lamhgheal, do dheòir; Thog mi ’n uaigh’ gu léir ’san t-sliabh. ’San uair sin fo làmh an righ Thuit triath san strì gu ’bhròn, A chiabh ghlas an carn na frìth, Thog e ’shùil air ceann an t-sluaigh “An tus’,” thuirt mac Cumhail, “a th’ ann? Caraid dìleas òigh mar shneachd! Chunnaic mi do dheoir san àm ’Nuair thuit ainnir a b’ àille leac. Nàmhaid do naimhdibh mo rùin, ’Na thuit thu gu d’ chùl fo m’ lann? Tog, Ullin, tog ard a chliù, Cuir Mathon fo ’n ùir sa’ ghleann, Thoir ainm an laoich aosd’ dha ’n fhonn A mhosgail trom mu òigh nan ard-threun; ’S caoin dha m’ anam ainnir nan long, Ghabh còmhnuidh fo thom na h-Ardbheinn.” Chuala Cuchullin o n’ charn Garbh thorrunn nan lann sa’ chòmhrag, ’S e suidh air Còna nan còs Fo bhròn o charraid gun bhuaidh. Ghairm e Conall nan geur lann Is Carull aosd’ o ’n am o shean. Thàinig na laoich is iad liath, A togail an sgiath sa’ mhagh. Thàinig is chunnaic iad thall Sruth còmhraig mar lìonadh a chuain, [TD 177] [Laideann] [TD 178] ’Nuair a mhosg’leas a chiar-ghaoth shuas A’ taomadh nan stuadh air tràigh Thar gaineamh nam fàs-ghleann. Loisg anam Chuchullin ri ’shealladh; Thionail duirch’ air a mhala gu gruaim; Bha ’làmh air cloidheamh a shinns’re, A dhearg-shùil air nàmhaid na h-Eirinn. Tri chuairt shìn an triath a cheum; Choisg Conall a cheum tri chuairt. “Cheann innis a’ chiar-cheathaich mhall, ’S e ’n righ chuir fo lann an nàmhaid; Na iarrsa roinn do chliù an triath, ’S e féin air an t-sliabh mar stoirm.” “Gluais, a Charuill,” thuirt an ceannard, “Gluais ealamh gu righ Mhòirbheinn; Thoir fàilte do thriath nan gleanna, Fear gearraidh is caithidh a chòmhraig. ’Nuair thraoghas Lochlin thall mar thuil ’N déigh uisg’, ’s a dh’ ìslicheas comhstri, Biodh do ghuthsa binn ’na chluais Le moladh ’na bhuaidh righ Shelma. Thoir lann Chathbaid do n’ mhòr-laoch, Lann a choisinn na faoibh o shàir; Cha chòir do Chuchullin, ’s e faoin, Airm sinns’re nach d’ aom sa’ bhlàir. Thanais Chromla, ’s uaigneach scorr, Anaim mhor nan saoi a dh’fhalbh, Bibhse mu mu’ cheum, ’s mi fo bhròn; [TD 179] [Laideann] [TD 180] Labhraibh rium o chòs nan carn, Gath a shoills’ ’s a dh’fhalbh, mi féin. Mar cheathach air beinn mo chliù; ’Nuair thig osag na maduinn gu treun, Chithear leathad an fhéidh gu chùl. Chonaill, na labhair air airm; Shiubhail m’ ainm o chòmhnuidh nan laoch; Bidh m’ osna air Chromla nan stoirm, Gu ’n caillear m’ san fhraoch. Thusa, Bhràigh-gheal, a’s àille snuagh, Bi brònach is truagh mu m’ chliù; Cha till mi dha d’ ionnsuidh gun bhuaidh, A dhearrsa-gréine, fhuair mo rùn.” [TD 181] [Laideann] [TD 182] [Blank] [TD 183] FINGAL. CARMEN QUINTUM. [TD 184] [Blank] [TD 185] [Laideann] [TD 186] FIONNGHAL. DUAN V. v. 1-17. AIR leac Chromla ’s fuaimear taobh Labhair Conall ri laoch a charbaid. “C’ uime tha ’ghruaim, a mhic Shema, ’S ar cairde féin ’cur ruaig sa’ bhlàr? ’S cliuar thusa, a thréin ghaisgich; ’S iomadh saoi a chaisg do chruaidh. ’S tric bha Bràigh-gheal, ’s guirme sùil, A’s àille cùl, fo fhiamh gàire; ’S tric a bha ’n coinneamh a triath ’S e tilleadh o ’n t-sliabh le ’thréin, ’Nuair bha ’n nàmhaid sàmhach san uaigh, ’S a bhuaidh a dealradh m’a rùn. Bu taitneach dha ’cluais do bhaird, ’Nuair a shnàmhadh do ghnìomh air fonn. Faicse righ Mhòirbheinn ’na chruaidh Siubhal suas mar theine spéir, A neart mar shruth Lùbair nan sìan, [TD 187] [Laideann] [TD 188] No osna tha dìan air Chromla, ’Nuair lùbas crainn gheugach nan scorr Ri stoirm mhòir an àm na h-oidhch’. Is sona do shluagh, a righ nan lann, ’S i do làmh a bhuail gach cath, ’S tusa ’s tréine measg na strì, ’S tu féin, an àm sith a’s glic. Dha d’fhocal a ghéilleas nam mìlte; Crithidh feachd nach tiom roi’ d’ chruaidh. Is sona do shluagh, a righ nan lann, A thig o chruaich Shelma nan gleann. C’ e tha dorcha air an t-sliabh Ann torrunn ciar a shiubhail féin? C’ e ach mac Starno nan sgiath ’G iarruidh righ Mhòirbheinn an treun. Faicse còmhrag an dà laoch, Tha mar ghaoir air aghaidh cuain, ’Nuair thach’reas dà fhuas sa’ ghaoith An garbh-chath mu aomadh nan stuadh. Cluinnidh sealgair fada thall Fuaim mhòr mhall nam fuath a’ strì; Chi e ’n cuan a tigh’nn a nall, O thìr nan Gall gu ard nam frìth.” B’ iad sin d’fhocail, a Chonaill chaoin, ’Nuair thachair na laoich sa’ chath, ’N sin bha torrunn treun nan arm; Gach buille bu gharbh agus beum; Mar cheud ord ag éirigh ard, [TD 189] [Laideann] [TD 190] Air cruaidh theallaich ’s deirge caoir. B’ fhuathasach còmhrag an dà righ; Bu ghruamach san strì an tuar; An sgiath dhonn a sgoltadh fo bheum, Lanna geur a’ leum o chruaidh. Thilg gach ball àirm air an réidh, Ghabh na laoich ’sa chéile luath. Bha gach ruighe fèitheach mòr ’G iadhadh mu dhruim garbh nan sonn, A tionndadh o thaobh gu taobh, Am mòr chosa sgaoileadh air lom. ’Nuair dh’ éirich ardan neirt nan treun Chrith an cathar féin fo ’n sàil, Chriothnaich clach is cruach is carn, ’S coill’ uaine fo spàirn nan laoch. Ma dheireadh thuit neart nan tonn, Chaidh Suaran nan long fo chìs. Mar sin chunn’cas leam air Còna (Ach Còna cha ’n fhaic mi chaoidh), Mar sin chunn’cas leam dà mhòr-thom Siubhal o ’n còmhnuidh san fhraoch O neart sruth baoth nan sliabh; Tionndaidh’ iad o thaobh gu taobh; Bidh glacadh nan craobh ’sa chéile, ’Nuair thuiteas sa’ chladach araon, Le daraig is fraoch o n’ bheinn. Tillidh sruth o’ shiubhal mall, ’S chithear ruadh nam bruacha thall. [TD 191] [Laideann] [TD 192] “Shìol Mhòirbheinn a’s fada uainn, Fo aire biodh righ nan stuadh ard, ’S co treun is neartar an sonn Ri mìle tonn ag iarruidh tràigh, Cha làmh e tha clì ’sa chòmhrag; Tha shinns’re o ’n àm o shean. A Ghaill, a chinn-uidhe nan treun-shonn, Oisein, cheannard nam fonn caoin, ’S e caraid mo cheud rùin a th’ ann, Togaibh a cheann o bhròn. Oscair, Fhillein, Roinne ruaidh, Leanaibhse an ruaig thar Léna, Sibhse, dh’fhàgadh gaoth le luaths, Leanaibh sinns’re chuain an Eirinn, Chumail luingeas o éirigh air tonn O Innis nan long ’s nan torc. Dh’fhalbh iad mar osag ro’ ’n-t-sliabh; Ghluais Fionnghal mar nial gu mall, Mar thorrunn bha forum an treith, ’Nuair thuiteas an t-sian gu tlàth Air raoin shàmhraidh dorch is ciuin; Bha ’chlaidheamh corr mar ghath na gréine, No reul tanais an àm na h-oidhch, Gu triath Lochlin ghluais a ’cheuma, Is labhair ri treun nan tonn. “C’ e tha cho dorcha fo bhròn Aig carraig a’s beucach sruth; Esa nach urrainn a leum, [TD 193] [Laideann] [TD 194] Ge àille gun bheud a chruth, A sgiath bhallach sìnnte r’a thaobh, A shleagh mar a chraoibh sa’ bheinn. Og-ghaisgich a’s gruamach snuagh, An nàmhaid le fuath thu dhomh féin?” “Thàineas o Lochlin, a thriath, Is làidir mo sgiath ’sa chomhstri. Tha mo rùn gu deurach san t-sliabh, Cha till mi gu ciabh an òr-fhuilt.” “An géill thu, no ’n gabhadh tu còmhrag?” Thuirt Fionnghal nam mòr-ghnìomh. “Cha bhuaidh do nàmhaid a’ m’ fhianuis; Cha ’n ìosal mo chairde, a thriath. Leansa mi, ghaisgich nan tonn, ’S gabh sòlas air tom nam fleagh. Cuir ruaig air luath-chos an aonaich; Bi d’ chara nach faoin dha ’n righ.” “Cha bhi,” ’s e fhreagair an triath. “Le laigse bha riamh mo làmh, Mo chruaidh gun choimeas san t-sliabh. C’ uim nach géill an treun dha m’ lann?” “Oig-fhir, cha do ghéill mi riamh, ’S cha ghéill do dhuine tha beò. Taghsa dhe m’ shinns’re, a thriath, ’S lìonor mo shìol agus ’s mòr.” “An diùlt an righ féin an còmhrag?” Thuirt Orla nan donn sgiath; “Tha Fionnghal ’na choimeas do ’n òig-fhear, [TD 195] [Laideann] [TD 196] Agus esan amhàin dheth ’threith. A righ Mhòirbheinn a’s mòr cliu, Ma théid mi air chùl san strì, Am meadhon Léna togsa m’ ùir; Biodh uaigh dhomh a’s mò san fhrìth. Cuir thairis air astar nan tonn Gu innis-nan-long mo lann Gu ainnir mo rùin tha trom Fo bhròn, Làmh-gheal nan rosg mall. Feuchadh i a chruaidh dha ’mac, ’S deòir a’ ruith le tlachd o ’gruaidh.” “A ghaisgich òig, a’s brònach sgeul, C’ uim a thog thu dhomh féin na deòir? Tha là do laoich anns an réidh, Chi an clann na h-àirm bu chorr Fo mheirg agus scleò san talla. Orla, éiridh d’ uaigh gu h-ard, Bidh bean, a’s àille bràigh, fo dheoir, ’Nuair chithear air bhord do lann.” Chuireadh còmhrag air fraoch Léna; Bu lag ’na bheuma làmh Orla; Ghearradh le Fionnghal o chéile Ceangal iall a sgéith sa’ chomhstri; Thuit an sgiath bhallach air làr, Mar ghealach air sàil fo ghaoith. “A righ Mhòrbheinn, tog do làmh, Cuir lann ro’ m’ bhràighead, a laoich, Làn lot, agus fann o n’ bhlàr. [TD 197] [Laideann] [TD 198] Dh’fhàg cairde bu shàr mo thaobh. Thig sgeul a’s brònach do m’ ghràdh Air srath Lotha nan sruth caoin, ’Nuair bhitheas ’na h-aonar sa’ choill’, ’S an osag mhaoth san doire fuaim.” “Cha reub,” ’s e thubhairt an righ, “Cha reub mi san strì thu, Orla; Faiceadh an ainnir, a’s mìn, A rùn neo-chli air uisge Lotha; Slàn o chomhstri nam mòr-laoch, Faiceadh d’ athair, is e liath, Mur ’eil an triath le aois dall; Cluinneadh e do cheum san t-sliabh, ’S do ghuth treun ’na thalla thall; Biodh aoibhneas air ’anam gun dàil Is fairicheadh le làimh a mhac.” “Cha ’n fhairich e mi chaoidh, a righ,” Thuirt òig-fhear neo-chli o Lotha, “Thuit mi air Léna nam frìth; Cluinnidh baird mo strì sa’ chòmhrag. Fo m’ chrios tha garbh-lot a bhàis, Is so e dhuit thall, a ghaoth.” Thaom e ’dhearg-fhuil trom o ’thaobh; Thuit e anns an fhraoch air Léna; Dh’ aom an righ thar spàirn an laoich, Is ghairm air na h-òig-fhir bu tréine. “Oscair is Fhillein, mo dhà mhac, Togaibh le tlachd cuimhne Orla; [TD 199] [Laideann] [TD 200] Cuiribh gaisgeach donn fo leac Fada o ’mhnaoi ghasd air Lotha; Gabhadh clos ann so leis féin ’N tigh caol gun leus ’sam mair a ghruaim, Fada o Lotha nam beuc, O ’thalla, o ’thréin, o ’luaidh. Gheibh laigse a bhogha san talla; Bidh daoine neo-smiorail ’g a iadhadh, A mhìolchoin a’ caoineadh ’sna gleanna, ’S na tuirc mu ’n robh ’aire fo aoibhneas. Thuit an làmh bu treun sa’ chòmhrag; Chaidh ceann nan triath mòr air chùl. Gluaisibh guth is fuaim nan stoc, Oig-fheara gun lochd o Mhòrbheinn. Tilleam gu Suaran an nochd, Is togam le fonn a dhòghruinn. Oscair, Fhillein, is a Roinne, Grad-shiùlaibh thar fraoch mhaigh Léna; Air naimhde tionndaibh rosg a’s caoine. A Roinne, c’ àite bheil thu, threin-fhir? Cha bu chleachda dhuit bhi mall, Agus righ nan lann ’ga d’ ghairm.” “Tha Roinne,” thuirt Ullin am bàrd, “Mar ri cruthaibh ard nam buaidh, Mar ri Trathal, righ nan sgiath, Is ri Treunmor nan gnìomh mòr. Tha ’n t-òig-fhear ìosal gun tuar ’Na luidhe air a chruaich an Léna.” [TD 201] [Laideann] [TD 202] “Na thuit e bu luath san t-séilg?” Thuirt righ Mhòrbheinn b’ airde cliù, “Fhir chromadh an t-iuthar corr, Cha robh d’ eòlas ach gann dhomh féin; C’ ar son a thuit Roinne sa’ bhlàr? Caidil, a shàr ghaisgich air Léna. Cha ’n fhada gu faiceam an seòd, Cha chluinnear mo ghuth mòr a chaoidh, ’S cha bhi mo cheum air thaobh nan scorr. Labhraidh baird mu ainm an righ, Labhraidh clacha nam frìth mu ’ainm. Tha Roinne ro ìosal gun chlìth, ’S cha d’éirich a chliu gu h-ard. Ullin, buailse chlàrsach lom, Togsa fonn mu ’n t-sonn a dh’fhalbh, Slàn leat, a cheud fhir san raon, Cha chum mi o chlaon’ do ghath, Thusa b’ àille measg nan laoch, Cha ’n fhaic mi thu chaoidh—slan leat.” Bha gruaidh an righ fo thaomadh deoir; B’fhuathasach an còmhrag a mhac, A mhac, a bha mar dhealan spéir O Ardbheinn gu réidh san oidhch’, ’Nuair thuiteas a choille roi’ ’cheum, ’S fear-siubhail fo bheud gun soills’; Ach adhlaicidh gaoth ’n teine thall Air cùl nan carn, tha ’n saoghal dorch. “C’ uime tha cuimhne na h-uaighse uaine?” Thuirt Fionnghal nan slige fial, [TD 203] [Laideann] [TD 204] “Ceithir clacha fo choinich thall Mu thigh caol a bhàis san t-sliabh? An so gabhadh Roin’ a shuain Ri taobh gaisgich bu chruaidh sa’ bhlàr. Tha triath a’s airde cliu sa’ bheinn; Cha bhi ’shiubhal leis féin ’s na neòil. Ullin, togsa dàn o shean Do chuimhne na tha san uaigh. Mur do theicheadh riamh san raon, Bidh mo mhac ri ’n taobh ’na shuain; Bidh e ri ’n taobh am fraoch nan carn, Fada thall o aird’ na Mòrbheinn Air Léna a’s fuaimear réidh.” “An so fhéinn,” thuirt beul nam fonn, “Chaidil tréith nan sonn fo ’n ùir. ’S sàmhach tha Làmh-dhearg san uaigh, Is Ullin, righ nan cruaidh-lann. C’ i so tha coimhead o neòil, ’S a feuchainn fo scleò a cruth àluinn? C’ ar son tha ’n ainnir gun tuar? ’N òigh, do n’ ghéill an sluagh air Chromla; Na thuit thu, Làmh-gheal, fo shuain Mar ri naimhde fuar sa’ chomhstri? A nighean Thuathail bu ghlan snuagh, Bu rùn thu fhéin do mhìle laoch; Cha robh do ghaols’ ach do Làmh-dhearg. Gu Tùra thàinig am mòr-thriath; Bhuail e sgiath nan copa donn, [TD 205] [Laideann] [TD 206] Is labhair an sonn ris fhéin. ‘C’ àite a’ bheil Gealachos, mo rùn, An ainnir chiuin aig Tuathal treun, A dh’fhàg mi ’n talla nan tùr, ’Nuair bhuail mi Ulfada nam beum? ‘Tills’ air th’ ais,’ ’s e thuirt i rium, ‘A Làmh-dhearg, ’s mi ’n dùbhra bròin,’ A broilleach bàn fo osna ciuin, A gruaidhe b’ ùr fo dhealta dheoir. Cha ’n fhaic mi i ’n coinneamh a tréin A thogail m’ anam o bheum còmhraig; ’S ro shàmhach tha talla nan teud Gun ghuth baird air beinn no còmhnard; ’S cha ’n ’eil Bran fhéin, mur b’ àbhais, Crathadh a shlabhruidh mu n’ chòmhladh. C’ àite bheil Gealachos, mo rùn, An ainnir chiuin aig Tuathal treun?’ ‘A Làmh-dhearg,’ thuirt Fearghus mac Aodhain, ‘Tha Gealachos mu Chromla nan sìan, I féin ’s gach òigh tha dheth ’roghainn; ’N déigh chabrach tha ’siubhal gu dìan.’ ‘Fhearghuis, cha cluinnear fuaim leam féin An coill’, am beinn no ’m magh Léna; Cha ’n ’eil cabrach ’nam shealladh féin, No coin ghleusd an séilg na h-Eirinn. Cha ’n fhaicear leam Gealachos mo rùn, Mar ghealach as-ùr dol sìos. Gabh gu Allaid, a’s léithe cùl, [TD 207] [Laideann] [TD 208] Tha ’n cromadh a chuirn a mhiann, A dh’fheuchainn an cual an t-aosda Air Gealachos mu thaobh nan sliabh.’ “Chaidh Fearghus mac Aodhain air triall, Is labhair ri liath nan carn. ‘Chaoin Allaid, tha tunaidh air sliabh, Ciod a chunnaic le d’ aosd-shùil thall?’ ‘Chunnaic,’ thuirt Allaid bha aosda, ‘Garbh Ullin a dh’ aom o Chairbre, Thàinig o Chromla an fhraoich; Bha fonn ’ga mhuchadh ’na gharbh-chliabh Mar osaig an coille lom. Thàinig e gu talla nan tùr, ‘A Làmh-dhearg, a’s fuathas do dhaoine, Thoir còmhrag dh’ Ullin, no do chliù, Thusa ’s làidir do ghaisgich nach faoine.’ “Cha ’n ’eil Làmh-dhearg,” thuirt Gealchos an àigh, “Cha ’n ’eil gaisgeach a bhlàir dha féin. Tha e bualadh Ulfada air tràigh. Tha e, cheannard nan sàr, sa’ bheinn. Riamh cha do ghéill mo rùn do thriath; Bheir e carraid nan sgiath ’mhac Chairbre.’ “’S taitneach do shnuagh ’s tu féin,” Thuirt Ullin, bu treun gnìomh, “Nighean àille Thuathail nam beum, Bheiream thairis gu leig nan sliabh, Talla Chairbre a’s fial corn. Bidh Gealachos aig triath a’s tréine. [TD 209] [Laideann] [TD 210] Trì là bitheam féin air Chromla, A’ feitheamh ri Làmh-dhearg nam beuma, Gu ’faigheam o ’n treun an còmhrag; An ceathramh bidh Gealachos dhomh féin, Ma theicheas a triath o n’ chomhstri.” ‘Allaid,’ thuirt ceannard Chromla, ‘Sìth dha d’ aisling an còs nan carn! Fhearghuis, séidse stoc a chòmhraig; Cluinneadh Ullin ’na thalla thall Mar stoirm ag éirigh air gleann.’ “Chaidh Làmh-dhearg ri beinn o Thùra; Bha fonn gun tighinn gu ’cheann ’Ga mhùchadh gu teann fo ùrla. Sheas e gu dorch air an fhraoch Mar nial, a chaoch’ leas a shnuagh, Ri gaoith air cruaich nam beann. Thilg e clach-shàmhla a bhlàir, Chual’ Ullin mac Chairbre a fuaim, Bha aoibhneas air anam an t-sàir, Agus ghlac sleagh athar gu luath. Bha fiamh gàir’ air gruaidh bu donn ’Nuair a ghlac an sonn a lann. Chualas ’fhead, ’s e siubhal nan tom, Lann ealamh is lom ’na làimh. Chunn’cas le Gealchos an triath, ’S e ’g éirigh air sliabh mar cheò; Bhuail i gu mall a h-ard chliabh, Bu ghile na sneachd nan torr, ’S i sàmhach fo dheòir mu Làmh-dhearg. [TD 211] [Laideann] [TD 212] ‘Chairbre aosd’ nan slige fial,’ Thuirt ainnir, bu chaoine làmh, ‘Bidh mo bhogha air Chromla nan sliabh; Chi mi eilid, tha ciar, sa’ charn.’ Ghrad-ghluais i ’n aghaidh na beinn, Cha d’ thàinig i féin ach mall. Bha chomhstri thairis le beud. C’ uim an aithris an strì an dàn Do righ Shelma chunnaic na ceud Cur charraid nan treun le lann! Thuit Ullin, a b’fhiadhaich snuagh, Thàinig Làmh-dhearg gun tuar do ’n òigh, Nighean Tuathail, a b’ iomadh buaidh, Mòir-cheannaird na cruaidh ’s na slòigh. ‘Tha fuil, a rùin,’ ’s i sealladh bàis, ‘Tha fuil air do thaobh, mo shàr.’ ‘Fuil Ullin a th’ ann,’ thuirt an laoch, ‘Ainnir mar shneachda nan carn. ’N so féin a Ghealachos mo rùin Leig dhomhsa mo chùl air làr; Dh’fhalbh m’anam, cha do chaill mi mo chliu.’ Chaidh Làmh-dhearg nan tùr gu bàs. ‘Na thuit thu an cadal trom, A thriath Thùra nan tom garbh! Tri lài shuidh i air an lom; Fhuair sealgair an ceathramh i marbh. Thogadh an uaigh mu ’n triuir, A righ Mhòirbheinn, san ùir so fhéin. [TD 213] [Laideann] [TD 214] Bidh Roinne measg thriath fo chliu, ’S a shiubhal gu ciuin sa’ bheinn!” “An so fhéin bidh Roinne ’na shuain,” Thuirt Fionnghal gu ciuin mall, “Thàinig guth a chliu gu m’ chluais. Fhillein, Fhearghuis, thoir Orla nall, An t-òig-fhear gun tuair o Lotha. Gun choimeas cha luidh thu, a Roinne, Is Orla ri d’ thaobh san uaigh. Biodh deoir air òigh Mhòirbheinn an aonaich, Fiamh bròin air òigh Lotha nan stuadh. Mar ghallan air leathad nam beann Dh’fhàs laoich nach bu ghann am feum. Thuit iad mar dharaig an gleann ’Nan luidhe thar sruth sa’ bheinn, ’S iad a’ seacadh ri gaoith nan carn. Oscair, a cheannaird nan òg-threun, Chi thu féin mar thuit na daoine, Bi thusa cho cliuthar sa’ bhlàr, ’S bi ’m moladh nam bard mar Roinne. B’ fhuathasach do chruth sa’ bhlàr; Bu shamhach thu, Roinne, san t-sìth.— Bha e mar bhogh’ an drùchd tlàth, Chithear fada thall san fhrìth ’Nuair luidheas a ghrian air Mòra, Agus sàmhchair air scorr an fhéidh.— Luidhse, ’s òige dheth mo mhic, Luidh thusa fo lic air magh Léna. [TD 215] [Laideann] [TD 216] Tuitidh sinne, ge mor ’s ge glic: Tha’n lài do ghaisgich nam beuma.” Mar sin bha do bhròn, a righ nan lann, ’Nuair a thaisgeadh fo charn Roinne. Cia meud a bhròin tha air Oisian, Is thusa, thriath thoisich gun deò! Cha chluinn mi air Còna do ghuth, Cha ’n fhaicear do chruth le sùil dhall. ’S iomadh là agus oidhch fhuar A shuidheam aig d’ uaigh fo n’ charn; Dh’ fhaireagham fo m’ làimh i sa’ chruaich, ’S mi ’ga d’ mholadh le luaidh nam bard. ’Nuair shaoilinn gu ’n cluinnear do ghuth, ’S e th’ ann osag dhubh na h-oidhch. ’S fhada o ’n là thuit thu ’na d’ shuain, A shàr-cheannaird nan cruaidh-chòmhrag. Shuidh Gall agus Oisian thall Maille ri Suaran nan tonn Air bruaich Lùbair b’ uaine snuagh. Bhuail mi a chlàrsach dha ’n righ, Bha ’mhala o ’n strì fo ghruaim. Thiondaidh e ’dhearg-shùil air Léna; Bha ’n gaisgeach fo bheud m’ a shluagh. Thog mi mo shealladh air Chromla, Is chunnaic mi mòr-mhac Shéma; Dorcha, mall a dh’ aom e ’thriall O ’n t-sliabh gu còs Thùra ’na aonar. Chunnaic e fo bhuaidh an triath; [TD 217] [Laideann] [TD 218] Bha bròn am measg ’aoibhnis san aonach. Bha dearrsa na gréin air ’airm; Shiubhail Conall gun stoirm ’na dhéigh. Thuit air cùl aonaich nan toirm, Mar lasair an fhraoich sa’ bheinn, ’Nuair shiùbhlas an fhallosg’ ro’ ’n oidhch Gun soills’ ach na bheir i fhéin, ’S a ghaoth ’na déigh ’s i ’fuaim. Air taobh sruth fo chobhar a’ taomadh Tha ’thalla ’n carraig nan còs, Is aon chraobh gu crom ag aomadh, ’S an iar-ghaoth beucail gu mòr Ri aghaidh nan scorr ’s nan carn. An so shuidh ard cheannard na h-Eirinn, Mac Shéma nan slige fial. Bha ’smaointean air chòmhrag nan cleas, Na deoir a’ taomadh o ’ghruaidh. Bha bròn air mu chall a mheas Gaisgeach ard-mhisneachd nam buaidh. A Bhràigh-gheal, tha thu fada thall; Cha thog thu san àm an laoch. Faiceadh e do thlàth-chruth mall, ’S thig ’anam a nall le fraoch; Bidh ’smaointean air a chliu féin ’S air Deò-ghréine ghluais a rùn. C’ e tha tighinn le ciabh na h-aois? C’ e ach gaisgeach nach faoin dàn? A Charuill o ’n àm a dh’ aom, [TD 219] [Laideann] [TD 220] Do ghuth cho caoin ri clàrsach thall An talla Thùra nan corn fial, D’fhocal taitneach mar an druchd Thuiteas ciuin air raoin nan sliabh, ’Nuair a bhriseas a ghrian o mhùig; A Charuill o ’n àm a dh’fhalbh, C’ uim a thàinig a nall o mhac Shéma? “Oisein, a làmh threun nan lann, Tha barrachd nan dàn dhuit féin, ’S fhad thu fo m’ eòlas nach gann, Ard cheannaird an comhstri nan treun, ’S tric a bhuail a chlàrsach do ’n òigh Eimhir-àluinn, bu mhòr beus; ’S tric a thog, le rùn an t-slòigh, Do ghuth corr measg fonn nan treun, An talla Bhrano nan slige fial. Là a ghabh i anns an fhonn Bàs Chormaic an t-òg-shàr. Thog i le dòghruinn an sonn, A dh ’aom air an tom fo ’gràdh. Bha ’gruaidh dhearg nighte le deoir, ’S do ghruaidhs’, a thriath mhòr nan triath; Bha h-anam a’ snàmh an ceò, Ge nach b’ annsa dhi òg nan ciabh; Bu ghlan am measg mhìlte ’n òigh, Nighean Bhrano nan corn fial.” “Na labhair, a Charuill, mu Làmh-gheal; Na tog cuimhne na h-àille dhomh féin. [TD 221] [Laideann] [TD 222] Tuitidh m’ anam fo bhròn mu m’ annsa. Bidh mo shùile an deoir, a thréin; Tha mo rùn san ùir gun tuair, Ainnir àille fhuair mo ghràdh. Suidh thusa, bhaird, air a chruaich, Is cluinneam r’a luaidh do dhàn, Do dhàn mar aiteal an earraich Dol thairis air sealgair sa’ chruaich, ’N àm dùsgadh o aisling sa’ bhealach ’Nuair chluinneas e aoibhneas nam fuath, An ceòl fuar air thaobh nam beann. [TD 223] [Laideann] [TD 224] [Blank] [TD 225] FINGAL. CARMEN SEXTUM. [TD 226] [Blank] [TD 227] [Laideann] [TD 228] FIONNGHAL. DUAN VI. v. 1-18. THUIT neòil na h-oidhch’ air a’ chuan, Thionail an duirch’ air cruaich Chromla; Dh’ éirich reulta boillsg’ o thuath, A dealradh air stuadh na h-Eirinn: Dh’ fheuch iad an ciuin-theine thall Ro’ cheò ghluais mall thar na speuraibh. Bha gaoth a’ beucail anns a’ choill, ’S dorcha sàmhach raon a’ bhàis. Air sliabh neo-fhuaimear Léna Dh’ éirich na mo chluais guth Charuill; Bha ’fhonn air cairdibh ar n-òige, Na lài mòr a dh’ aom o shean, ’Nuair thachair sinn air Légo nan triath, ’S a chaidh an t-slige fhial mu ’n cuairt: Fhreagair Cromla fuaim nan dàn, Bha tanais na dh’fhalbh a ’snàmh air gaoith, Dh’ aom iad le h-aoibhneas gu mall, Ri fonn molaidh dh’ aom na laoich. [TD 229] [Laideann] [TD 230] Biodh d’ anam an sòlas, a Charuill, Measg osna charach sa’ bheinn. C’ uim nach d’thigeadh tu gu ’m thalla, ’S mi caitheadh na h-oidhche leam féin? ’S ceart gu ’n d’thig mo chara’ dìleas: Cluinneam a mhìn-làmh air a’ chlàrsaich ’S i sìnnte air balla na fuaim; Bidh ’n toirm ’nam chluais gu mall. C’ uim nach labhair rium ’nam bhròn? C’ uin a chi mi mo mhòr chairde? Gabhaidh tu seachad san osaig, Tha forum nam dhosan liath; Fhir-mholaidh nan triath, bi slàn. Air taobh Mhòra nan iomadh cruach Thachair tréith nam buadh aig fleagh, Mìle darag a lasadh mòr Is neart nan corn a’ dol mu ’n cuairt. Bha aoibhneas air anam nan laoch, ’S righ Lochlin nam faobh fo bhròn; Bha ’dhearg-shùil air Léna ’n fhraoich, Is ’ardan nach b’fhaoin ro mhòr, Chuimhnich gu ’n thuit e sa’ bhlàr, Bha ’n righ air sgéith ’athar ’ag aomadh, A liath-chiabh air gaoith gu barr Fo sholus na h-oidhche a’ taomadh: Chunnaic e Suaran fo bhròn, Is labhair gu fòil r’a bhàird. [TD 231] [Laideann] [TD 232] “Tog, Ullin, tog fonn na sìth; Sìoladh m’ anam a strì nam blàr; Traoghadh o mo chluais am fuaim, Trom fhorum nan cruaidh aig sàir; Biodh ceud clàrsach thall san t-sliabh, Chur aoibhnis air triath nan tonn: Cha ’n fhàg e gun sòlas a’ bheinn; Cha d’fhalbh duine riamh uam féin fo bhròn. Shàr Oscair, tha dealan mo lainn An aghaidh nàimhde ’n àm a’ chòmhraig, An sìth luidhe ri m’ thaobh, ’Nuair ghéilleas na laoich sa’ chomhstri.” “Bha Treunmor,” thuirt beul nan dàn, “Dhe ’n linn a bha ann o shean; Bha ’astar air cuan gu tuath, ’S e coimeas ri stuadh san stòirm. Ard charraig an tìr nan ràmh, Ciar choill agus cairn a’ fuaim Dh’ éirich o cheò chiar air sàil; Is cheangail a shiuil o ’n chuan. Lean Treunmor torc riabhach na beinne, Bha beucail air Gorm-mheall nan craobh; ’S iomadh laoch a dh’fhàg e ’na dhéigh: Do shleagh Thréinmhoir ghéill am faobh ’S e tionndadh an spàirn a bhàis. Tri gaisgich, a chunnaic an gnìomh, Dh’ aithris mu thriath nan dàimh, Dh’ aithris iad gu ’n sheas e thall [TD 233] [Laideann] [TD 234] Mar lasair nach gann sa’ bheinn, An caoir-sholuis nam mòr àrm. Thug righ Lochlin fleagh bu chòrr, ’S ghairm e gu cùirm an t-òg treun; Tri lài an Gorm-mheall nan seòd Bha ri forum nan corn ’s nan teud, ’S fhuair an triath a roghainn do chath. Cha robh laoch an Lochlin nan long Nach d’ thug géill do ’n t-sàr-shonn Treunmor. Chaidh slig an aoibhneis mu ’n cuairt; Measg faloisg’ is fuaim nan dàn, Bha moladh righ Mhòirbheinn nan stuadh, A thàinig thar cuan a nall Sàr cheannard nan sàr laoch. ’Nuair ghlas an ceathramh madainn thall, Chuir gaisgeach a ràmh san tonn; Bha ’cheum sàmhach air tràigh nam faoch, ’S e feitheamh na gaoith o thuath. Chual e toirm gu fada thall Am meadhon nan gleann sa’ choill’. Thàinig òig-fhear a nall o ’n chruaich, ’S e ceilte le cruaidh g’ a cheann, B’ àill’ a chiabh ’s bu dhearg a ghruaidh, A chruth mar shneachd nam fuar-bheann. Bu tlàth gorm-shùile nan rosg mall, ’Nuair labhair e ri righ nan lann. ‘Fuirich, a Threinmhoir, ’s na falbh, A churaidh tha garbh am measg dhaoine; [TD 235] [Laideann] [TD 236] Cha do ghéill duit mac Lonbhail nan lann; Bhuail a chlaidheamh na sàir ’s cha ’n fhaoin i; Cumaidh gliocas na seoid o iuthaidh.’ ‘A mhìn-òig-fhir nan ciabh bàn,’ Thuirt righ nan lann, ‘cha bhuail mi Mac fir, mu nach d’ éirich dàn; ’S lag do gheal-làmh agus truagh i: Imich, a dhearrsa na h-òige, Grad-imich gu scòrr nan ruadhag.’ ‘Ma dh’ imicheas,’ thubhairt an t-òg, ‘’S ann le lann mhòr a th’ aig Treunmor; Bidh aoibhneas air m’ anam mu m’ chliu; Is cois’near leam rùn nan òigh, ’Nuair thig iad le iadhadh an sùl Mu ’n fhear, chuir air chùl an righ mòr; Bidh osna an cléibhe mu m’ ghràdh, ’Nuair a chi iad do lann ’s do shleagh. Bidh mise measg mhìlte le m’ agh Le urram a’s àird’ aig fleagh.’ ‘Cha ’n iomraich thu chaoidh mo lann,’ Thuirt Treunmor, ’s e lasadh ’na ghruaidh, Chi do mhàthair gun tuar thu air tràigh ’S i faicinn gu mall thar an stuadh Siuil a ghaisgich a reub a mac.’ ‘Cha togar leam féin an t-sleagh mhòr,’ Thuirt an t-òg bu chaoine snuagh, ‘Cha làidir mo làmh; ach is còrr Leumas iuthaidh o m’ ordaig suas. [TD 237] [Laideann] [TD 238] Le itich réidh o thaifeid chruaidh Thuit seoid gun tuar fada thall. Leig dhiot a mhàile gu luath; Cha chum thu, ach cruaidh, o bhàs. Cuiream féin mo mhàile air réidh; Tarruing an teud, a righ Mhòirbheinn.’ Chunnaic e ’brollach fo ’ciabh. ’S i piuthàr an righ a bha ann. Bha ’sùil san talla mu ’n triath, Is fhuaradh leis rùn nach gann. Thuit an t-sleagh o làimh an righ, ’S bha shealladh gun chli air an làr. Bha ise mar dhearrsa o’ n ear, A thach’reas ri fear o ’n chòs, ’Nuair dh’ aomas e shealladh air lear, Tha boillsgeadh le solus gu mòr. ‘A righ Mhòirbheinn a’s fuaimear tom,’ Thuirt òigh han làmha geal mar shneachd, ‘Gabh mis’ an iadhadh do luing’ O rùin Choirle ’s fad’ o bheachd. Tha esa mar thorrunn sa’ bhlàr: Do dh’ Ineabhaca nan treun sàr Tha ’rùn dhomh ’na ardan féin, ’S e togail mìle sleagh sa’ bhlàr.’ ‘Gabh sìth,’ thuirt Treunmor an triath, ‘Gabh sìth fo mo sgéith, a làmh-gheal; Cha teich, ’s cha do theich mi riamh, Ge d’ fhaicinn air sliabh fir làidir Do naimhdibh fo mhìle sleagh.’ [TD 239] [Laideann] [TD 240] Tri lài a dh’fhuirich an triath, Le stoc caismeachd a b’ airde fuaim A’ gairm sàr Choirle gu blàr, O charraig, is chathar is chruaich. Cha d’thàinig sàr Choirle gu blàr; Théiring Lochlin nan lann o ’thùr, Thug do Threunmor òigh nan geal-làmh, Sgaoil cùirm dha air tràigh as-ùr.” “A righ Lochlin,” thuirt Fionnghal nam buadh, Tha d’fhuil a ruith luath ’nam thaobh. Bha ar sinns’re aig strì mu n’ stuaidh, An strì mu ’n robh luaidh a chaoidh: Ach ’s tric an talla nam fleagh A chuir iad an corn mu ’n cuairt. Tog d’ aghaidh o chomhstri nan sleagh, ’S biodh aoibhneas na clàrsaich ’n ad chluais. Mar stoirm mhòr air aghaidh cuain A thaom thu do threunadas garbh; Do ghuth mar ghuth mhilte sluaigh ’S e ’g éirigh air chruaich nam marbh. Tog, am màireach, tog do shiuil, Dhearbh bhràthair mo rùin a bh’ ann: Mar dhearrsa na gréine as-ùr Thig air m’ anam a cliu san àm. Chunnaic mi do dheoir mu ’n làmh-gheal, ’Nuair a dh’ éirich air Stairne mo lann: Chum mi gun dòghruinn san àm thu Is m’ osna mu òigh an uchd bhàin. [TD 241] [Laideann] [TD 242] Ma ’s e do roghainn an còmhrag, A chomstri thug Lochlin do Threunmor, Gu ’n till thu gu d’ thìr le mòrchuis, Mar luidheas a’ ghrian fo na bheinn.” “A righ sinns’re nam mòr bheann,” Thuirt triath Lochlin a’s ard fuaim, “Cha d’ theid Suaran an comhstri ri d’ lann, A cheann mhìlte fhuair a ’bhuaidh; Chunn’car thu san talamh thall; Cha bu lìonor na lài orm féin: ’S e thubhairt ri m’ anam san àm, C’ uin a thogainn an lann co treun Ri Fionnghal nam beum uasal? Chuir sinn an còmhrag, a shàir, Air taobh Mheallmhoir nan carn ciar, ’Nuair thug an stuadh mo shleagh a nall Gu talla ard nan slige fial, Anns am faigheadh na treith am fleagh. Cuireadh bàird na bhuadhaich thall Gu àm a tha mall a’ gluasad. An comhstri Mheallmhoir nan curaidh Sàr-chliu nach robh gann a chualadh. ’S iomadh long o thìr nam mòr choill’ A chaill an sàr òig-fhir air Léna. Gabhs iad, a righ nam mòr bheann, ’S bi ’n ad chara do nàmhaid Eirinn. ’Nuair thig gu Gorm-mheall do chlann, Bidh fleagh nach gann is cùirm’ nan còir, [TD 243] [Laideann] [TD 244] ’S bidh dhoibh an roghainn sa’ ghleann An comhstri nan lann ri seòid.” “Cha ghabhar leam,” thubhairt an righ, “Do luingeas no tìr nan carn; Fònaidh dhomh fàsach nam frìth Le féidh, le coille, ’s le glinn. Togsa do shiuil thar an stuadh, Char’ uasail mo luaidh a bh’ ann; Tog do shiuil bhàn air a’ chuan, ’Nuair dh’éireas soills’ air cruaich nam beann, Air d’ ais gu Gorm-mheall nam fuaim.” “Sìth do d’ anam, a righ nan corn,” Thuirt Suaran nan donn sgiath, “An sìth ’s tu aiteal an earraich, An còmhrag ’s tu carragh san stoirm: Glacsa mo làmh ann càirdeas, A righ nan lann o Shelma fhuair, Agus thugadh do bhàird chòrr Do bhròn na mairbh air a’ chluain; Cuireadh Eirinn fo ùir mo shlòigh: Tog clachan an cliu air cruaich. Chi sinns’re nam marbh o thuath A chluain ’s na chuireadh an cath. Their sealgair ’s e tearnadh o ’n bheinn, ’Nuair dh’ aomas e féin air uaigh: ‘’N so Fionnghal is Suaran na tréin Chuir còmhrag nan ceud air sluagh.’ Mar so their sealgair tha faoin; Ach mairidh a chaoidh ar cliu.” [TD 245] [Laideann] [TD 246] “An diugh fhéin is mò ar cliu,” Thuirt Fionnghal, “a righ nan tonn; Théid sinne, mar aisling air chùl, Gun luaidh oirnn air raoin nan sonn; Cha ’n aithnich sealgair ar ’n-uaigh, Cha bhi ainm dhuinn am fuaim nam fonn. Cha ’n fheum dhuinn a bhi fo luaidh, Sinn gun neart gun tuar fo ’n tom. Oisein, Charuill, Ullin chaoin, Dha bheil gaisgich a dh’ aom ’s a dh’fhalbh, Togaibh fonn air làithibh nach b’ fhaoin, Air aimsir nan laoch tha marbh. Cuiribh thairis an oidhche le fuaim, ’S thigeadh madainn gu luath le h-aoibhneas.” Thog sinn ar guth dha ’n dà righ, Ceud clàrsach a strì san fhuaim. Shoillsich aghaidh Shuarain thall, Mar ghealaich làin anns an speur, ’Nuair dh’fhàgas na neoil i shuas Sàmhach leathan am meadhon oidhch. “Cuchullin,” thuirt Carull aosda, “Tha Cuchullin an còs Thùra, Tha ’làmh air claidheamh a neirt, A smaointean air feachd a chaill e; Tha righ nan sleagh brònach sa’ bheinn Gu so bu treun e sa’ chòmhrag. Chuir e ’lann gu sìth ri d’ thaobh, Thusa mar aomadh nan stoirm, [TD 247] [Laideann] [TD 248] A sgaoil fo ruaig a naimhde. Gabhsa, Fhionnghail, lann an laoich; Tha ’chliusa cho faoin ri ceò, ’Nuair théid ’na shiubhal ro’ ghaoith, ’S a dh’fhàgas e ’n raon gun scleò.” “Cha ghabh,” ’s e fhreagair an righ, “Cha ghabh Fionnghal an sìth a lann, Tha ’n curaidh gu neartor san strì, ’S tha chliu co chli r’a làmh. ’S lìonor iad a ghéill an còmhrag, Dha ’n d’ éirich a comhstri an cliu. Shuarain, a righ tìr nam mòr choill, Cuir thusa do dhòghruinn air chùl, Tha iadsa cliùthar a ghéilleas, Ma bhios iad treun an aghaidh nàmhad, Mar ghréin fo nial anns an speur, ’Nuair cheileas i féin san t-sàmhra Gu sealladh air maol an fheir. Bha Grumal na thriath an Còna Dh’ iarr còmhrag air iomadh tràigh: Bha aoibhneas dha ’anam san stoirm, Dha ’chluais ann an toirm nan arm: Thaom e ’ghaisgich air airde Chràca. Bha righ Chràca o choill’ r’a lann, An crom Bhrùmo nam mòr thom, Bha ’n sonn an caint ri cloich nam fuath. B’fhuathasach còmhrag nan laoch Mu ’n òigh chaoin ’s a taobh mar shneachd. [TD 249] [Laideann] [TD 250] Chualas mu ainnir nam buadh Le Grumal ruadh air uisge Chòna; Bhiodh aige làmh-gheal nan stuadh, No e féin bhi fuar sa’ chòmhrag. Tri là a bha spàirn nan laoch; An ceathramh dhaidh Grumal fo iall. Chuir es’ e gun chairde r’a thaobh ’N crom Bhrùmo mu ’n d’ aom an sliabh. Ann sin bha tanais nam marbh Le ’n guthaibh garbh mu chloich nam fuath. Ach shoillsich an triath ’na dhéigh, Mar theine nan speur as-ùr: Thuit nàmhaid le ’làimh bu treun; Fhuair Grumal e féin ’s a chliu. Togaibh, bhàird o ’ àm a dh’fhalbh,” Thuirt garbh neart righ na Mòrbheinn, “Togaibh moladh laoch tha marbh; Cuiribh ard-Shuaran o dhoghruinn.” Luidh na gaisgich anns an fhraoch, Bha ghaoth chiar an ciabh nan laoch; Dh’ éirich ceud guth binn san raon Ceud clàrsach nach b’fhaoin air chòmhla; Bha ’n dàn air an àm a dh’ aom, Triatha mòr nach bu bhaoth sa’ chomhstri. C’ uin a chluinnear leam am bard? C’ uin a bhios aoibhneas a’ snàmh mu ’n cuairt? Tha clàrsach gun teud am Mòrbheinn, Cha ’n ’eil guth no ceòl an Còna; [TD 251] [Laideann] [TD 252] Thuit araon an triath ’s am bàrd, Cha ’n ’eil cliu san aird ni ’s mò. Chrith madainn le dearrsa o ’n ear Air lear agus leathad Chromla. Chualas stoc Shuarain air Léna Tional an Eirinn a shluagh. Sàmhach is brònach an sluagh, ’Nuair dh’éirich iad suas fo ’n siuil; Bha osag gheur an déigh nan long, Siuil bhàn air tonn mar cheò o Mhòrbheinn. “Gairm,” thuirt Fionnghal, “gairm gu seilg Coin chaol nach mairg a chaitheadh cathar, Gairmibh Bran, a’s gile cliabh, Gairmibh Neart, is Ciar, is Luath, Fhillein, a Roinne—tha san uaigh, Tha mo mhac an suain a bhàis! Fhillein, Fhearghuis, séidibh stoc, Eireadh aoibhneas air cnoc is carn, Brisgeadh fiadh air Chromla shuas, ’S aig loch nan ruaghag an àros.” Chaidh ’m fuaim geur ro’ choille thall; Dh’éirich buidheann mhall air Chromla. Chaidh mìle cù air falbh san fhraoch, Thuit fiadh air a thaobh ro’ gach cù. Thuit a tri le Bran air aon, Agus dh’ aom e ’n triuir do Fhionn A thogail mhòr shòlais do ’n righ. Thuit aon dhe ’n triuir aig uaigh Roinne; [TD 253] [Laideann] [TD 254] Bha ceannard nan daoine fo cheò: Chunnaic e gur sàmhach thall Clach fir nach robh mall san t-séilg. “Cha ’n éirich thus a-ris, mo mhac, Aig fleagh no feachd air ciar-leac Chromla: ’S ealamh a théid d’ uaigh o bheachd, Is feur a’ seacadh mu ’n cuairt d’i. Bidh sìol na laigse siubhal sìos Cha ’n fhaic ’s cha ’n iarr iad mu d’ uaigh. Oisein is Fhillein, mic mo neirt, A Ghaill nam feachd a’s guirme cruaidh, Eiribh air aghaidh nan sliabh. Faigheam an triath tha ’n còs Thùra, Faigheam triath Eirinn nan ruaig. ’N e balla Thùra chi mi shuas? ’Na aonar is liath air an t-sliabh Tha triath nan slige fial fo bhròn; Tha talla nan corn gun fhuaim: Faigheam Cuchullin nam buadh, Thoiream aoibhneas gu luath dh’ a sheoid. Fhillein, ’n e sin Cuchullin thall, No ’n deatach air carn an fhraoich? Tha gaoth o Chromla ’n am shùil, ’S cha ’n fhaic mi g’ a chùl an laoch. “A righ,” ’s e fhreagair an t-òg, “’S e sin am fear còrr mac Shéma, Tha e dorcha sàmhach fo bhròn, Tha ’làmh air an lann ag éirigh.” [TD 255] [Laideann] [TD 256] “Ceud fàilt air ceannard a chòmhraig, Fhir bhrisidh na mòr sgéithe!” “Ceud fàilt ort fhéin,” thuirt an laoch, “Sàr ghaisgich ri d’ thaobh ’s a’ d’ dhéigh! ’S taitneach leam d’ fhianuis, a righ, Tha mar a’ ghrian air frìth Chromla, ’Nuair bhitheas an sealgair fo bhròn, Gus am faicear i mòr ’s na neoil. Do mhic mar reulta ri d’ thaobh, Tha siubhal an soills’ mu do chliu Cur glaine air mala na h-oidhch’. Fhionnghail, cha ’n ann mar so fhéin Chunna tusa mì, thréin, ’na d’ thìr, ’Nuair a dh’fhàg tréith an domhain a’ bheinn, ’S thàinig aoibhneas air aghaidh gach frìth.” “’S lìonor d’fhocail,” thuirt Conan gun chliu, ’S lìonor do ghuth faoin, mhic Shéma; An comhradh cha chluinnear ach thu. C’ àite bheil do ghnìomh ’s do bheuma? C’ ar son a thàinig thar chuan, Thoirt cobhair do ruaig le lann? Theich gu do chòs fo ghruaim, Is dh’fhàg thu do Chonan am blàr. Thoir dhomhsa na h-airm tha soills’, Thoir dhomhs’ iad gun fhoill, a mhic Eirinn.” “Cha d’ iarr gaisgeach mo lann riamh, Ge d’ iarradh, cha ’n fhaigheadh e m’ àirm. A Chonain, a ’s dona fo sgiath, [TD 257] [Laideann] [TD 258] Cha d’fhàg mis an sliabh, fo bhròn, Gu n’ ghéill Eirinn m’a sruth féin.” “A Chonain, a’s laige làmh,” Thuirt righ Mhòirbheinn, am mòr thriath, “Na gabhsa na focail co dàn, Gu ’m faicear na ’s àirde do ghnìomh. Tha Cuchullin fo chliu sa’ bhlàr, Fuathasach ’s gach àit ’an d’ théid. ’S tric a chual air a ghaisgeach bu shàr Ard cheannard na Phàil an Eirinn. Tog thus, a laoich, do shiuil bhàn Gu Innis nan lann fo cheò. Faic! Brà’-gheal ag aomadh thall Air iomall nan carn fo dheoir; Tha ghaoth a’ sanas ’na trom chiabh’ ’G an togail o ’mìn-uchd bàn, ’S i ’g éisdeachd toirm oidhche o ’n t-sliabh ’S fonn fial o ghaisgich nan ràmh; Tha ’barail gu ’n cluinn i d’ fhonn ’S do chlàrsach lom air aghaidh chuain.” “’S fhada dh’ éisdeas i gun bhrigh: Cha tilleam o ’n strì a chaoidh. C’ uim am faicinn thu, Bhrà’-gheal mhìn, Togail trom osna mu d’ shaoi? Chunnaic thus, a righ, mi fo bhuaidh An iomadh cruadal lann is sleagh.” “Chithear a-rìs thu fo bhuaidh,” Thuirt Fionnghal nan slige fial; [TD 259] [Laideann] [TD 260] Eiridh do chliu anns an ruaig, Mar dharaig air Chromla nan sliabh: ’S iomadh cath is còmhrag geur Tha ’feitheamh riut fhéin, a laoich; ’S iomadh lot o d’ làimh sa’ bheinn. Cuir, Oscair, na féidh air fraoch; Togaibh fleagh is slige fial; Biodh anam an triath fo aoibhneas, ’S ar càirde an sòlas san raon.” Shuidh is ghabh sinn fleagh is dàn, Dh’ éirich anam Cuchullin gu h-ard; Thill a neart do threun nan lann, Bha aoibhneas air aghaidh thall. Thug Ullin do ’n triath am fonn; Thog Carull a ghuth air a mhagh; Chobhair mi na bàird air an tom, Mu charraid nan sonn ’s nan sleagh, Carraid ’s na tharruing mi lann— Cha tharruing mi lann ni ’s mò; Dh’fhalbh mo chliu air gnìomh a bh’ ann. Suidheamsa aig uaigh fo bhròn, Uaigh nan cairde mòr nach mair. Shiubhail an oidhch’ air an fhonn; Thàinig madainn thar tonn le sòlas. Dh’ éirich Fionnghal air an aird, Agus chrath ’na làimh an t-sleagh; Shìn e ’cheum mòr thar magh Léna, Is lean sinn an treun ’n ar n-airm. [TD 261] [Laideann] [TD 262] “Sgaoil na siuil bhàn,” thuirt an righ, “Gabhaibh gaoth na frìth o Léna.” Dh’éirich sinn air tuinn le fonn; Bha sòlas nan sonn gu mòr Air cobhar bàn an domhain ghlais. [TD 263] [Laideann] [TD 264] [Blank] [TD 265] TEMORA. CARMEN PRIMUM. [TD 266] [Blank] [TD 267] [Laideann] [TD 268] TIGHMORA. DUAN I. v. 1-17. GORM thonna na h-Eirinn an soillse; Ard mhonadh fo bhoillsge an là; Cranna ciar-cheann ag aomadh fo ghaoith, Liath shrutha taomadh o chairn; Dà thoman uaine fo dharaig Ag iadhadh ’s a tarruing mu chaol-rath, Caoin shiubhal an uisge ro’ ghleannaibh; Air bruaich an uild an Cairbre féin, A shleagh fo chomas an tréin r’a thaobh, A dhearg shùil fo ghiorrag, ’s e bròn. Dh’ éirich Cormac an anam an righ, ’S a lota gun chli, ’na thaobh. Leth fhaicte bha ’n t-òg an dùbhra, Fhuil chraobh-dhearg a’ sruthudh o ’chliabh. Thilg Cairbre a shleagh tri chuairt, Tri chuairt chuir e ’n fheusaig fo làimh. Chas e gu tric o ard cheum; [TD 269] [Laideann] [TD 270] Chrath e ruighe nam beud gu h-ard. Mar nial am fàsach am mòr thriath, Caochladh fo ghaoith nan sìan a dhealbh, Na gleanna am bròn fo an fhirich, Ma seach fo ghiorrag nam braon. Ghabh an righ a mhòr anam dha féin; Ghlac e sleagh nan treun ’na làimh. Thionndaidh ’shùil gu cùl magh Léna, Luchd coimheid nam beud o chuan gorm. Thàinig iad le ceumaibh fo fhiamh Tric a’ coimhead sìos o ’n t-sàil. Dh’ aithnich Cairbre mu chòrr righ nan gnìomh. Ghairm e dorcha na triath’ gu ’làimh. Ghrad-thàinig ceum fhuaimear nan sonn, An glas lanna lom anns gach làimh. An sin bha Mòrla ’n duibhre ciar; An sin bha Dalla nan ciabh sa’ ghaoith, Cormar ruadh ag aomadh air sleagh, A’ sealladh borb o thaobh a ghruaim. B’ alluidh do shùil chrom, a Mhalthos, Fo shealladh do mhòr fhabhraid. Sheas Foldath mar charraig an sruth Ceileadh fo chobhar a dubh chruth, A shleagh fhada mar ghiubhas nam mòr shliabh, A thachras ri còrr ghaoith nanspeur, A sgiath làn do chomhara còmhraig, A dhearg shùil an còmhnuidh gun fhiamh. Iad’ is triath’ eile gun chunntas [TD 271] [Laideann] [TD 272] A’ dlùth-teannadh mu righ Eirinn, ’Nuair thàinig fear-coimhead a’ chuain Moranail gu cruaich mhagh Lena, Bha ’shùile briseadh claon o ’cheann, A bhile cam a’ crith, ’s iad liath. “An seas triatha na h-Eirinn air chùl Balbh mar bhadan na ciuin oidhche, Mar gharbh choille balbh fo mhùig, Is Fionnghal m’ an tràigh a’ boillsge, Fionnghal a’s fuasaiche beum, Ard righ nan treun o shruthaibh Mhòrbheinn?” “Am faca tu ’n gaisgeach nach fann,” Thuirt Cairbre, o spairn a chléibh, “Am bheil a laoich lionor air tràigh? An tog e sleagh chòmhraig o dhéigh, No an d’thàinig an treun an sìth.” “An sìth cha d’thàinig e, righ Eirinn. Chunna mi roi’ ’n treun a shleagh shuas Mar mhall theine bàis ag éirigh, Fuil mhìltean a’ leumadh m’a cruaidh. B’ es’ an ceud fhear bhuail an tìr Làidir fo ’leadanaibh liatha. Làn, fèitheach, garbh chalpan an righ, ’Cheuma gluasad gun strì air sliabh. Air thaobh an tréin a chlaidheamh fiar, An dara beum a chaoidh nach iar; A sgiath leathan fhuasach ’na làimh, Mar chearcal fuileach ré ’s i làn, [TD 273] [Laideann] [TD 274] Ag éirigh gu dàn ro’ stoirm. An sin Oisian righ caoin nam fonn, Mac Mhorni ’n sonn air ceann nan triath. Leum Connal air a shleagh o ’n tonn; Sgaoil Diarmad a dhonn chiabh; Lùb Fillean a bhogha le mòrchuis, Sealgair òg aig mòr shruth nan sliabh. Co e sud air ceann nan treun Mar gharbh shiubhal sruth o bheinn? Co th’ ann ach mac Oisein an triath, Mar bhoillsge teine measg a chiabh, Ma chùl a leadan fhada ’n cuach, ’Fhabhraid dhubh leth cheilt an cruaidh, A lann an iall a’ triall r’a thaobh, A shleagh ’s e siubhal a boillsgeadh baoth. Theich mi o gharg shùil an t-seoid, A righ Thighmòra, nam mòr chliu.” “Teich thusa, fhir dhona gun fheum,” Thuirt Foldath an gruaim fheirg, “Teich-sa gu d’ liath shruthaibh féin, A mhic an anma ghainne fo mheirg. Nach fhacar leamsa ’n t-Oscar donn? Chunna mis an triath ri còmhrag. An cunnart dheth na tréin tha ’n sonn. Togar sleagh le daoin’ eil’ air chòmhnard; Is iomadh mac th’ aig Eirinn cho mòr. A righ Thighmòra nan ard chraobh, Leig dhomhsa tachairt ris an t-seòd, [TD 275] [Laideann] [TD 276] Is caisgidh mi ’n sruth mòr ’na dheann. Tha mo shleagh nighte am fuil, Mo sgiath mar bhalla Thùra.” “An coinnich Foldath ’na aonar na dàimh?” Thuirt Malthos nam fabhrad ciar. “Nach ’eil iad cho lìonor air tràigh Ri coi’-thional garbh-shruth nan sliabh? Nach iad féin na treuna thug buaidh Thar Suaran nan cruaidh bheum, ’Nuair ghabh sliochd Eirinn an ruaig? ’S an tachair Foldath ri ’n ceud treun? A chridhe chiar an ardain féin, Gabh spionna nan ceud do shluagh; Thigeadh Malthos maille ri tréin, Bha mo chlaidheamh fo bheumaibh ruadh; Ach co a chuala gu fiar mo ghuth?” “A shliochd Eirinn a’s uaine raon,” Thuirt triath Chlaonrath nan caoin shruth, “Na cluinneadh Fionnghal bhur briathra faoin; Na biodh sòlas air naimhdibh an diugh A’ cur spionna ’nan làimh san tìr. Is treun sibh féin, a shìl nam blàr, Mar ghaillinn o ghàir a’ chuain, Mar stoirm a thachras ri sgeir ard, Bheir coille gu làr o chruaich. Ach gluaiseamaid bhur spionna féin Mall mar threun choi’-thionail nial. Bidh giorrag air sàr mhac nam beum; [TD 277] [Laideann] [TD 278] Tuitidh ’gharbh shleagh gun fheum o ’n triath. Chi sinn dubh-nial dorch a’ bhàis, Their iads, is faileus fàs m’ an tuar, Bròn air Fionnghal aosda na bàigh, A chliu a sìoladh o ’n tràigh gun bhuaidh. Cha ’n fhaic air Mòrbheinn ceum a thriath; Bidh caoineach nam bliadhn’ an Selma.” An sàmhchair chuala Cairbre ruath, Mar dhubh nial nan stuadh fo bhraon, A sheasas dorch air Cromleac shuas, Gus am bris an tein-athair a thaobh, Lasaidh gleanna ri boillsge nan speur; Bidh tanais gun fheum fo shòlas. Mar sin an sàmhchair sheas an righ; Ghrad-chualas le brigh a ghuth. “Sgaoilear a chuirm air Moi-léna; Thigeadh mo cheud bard a nall. Olla nan ciabh dubh-ruadh, éirich; Gabh clàrsach righ Eirinn ’do làimh; Siubhail gu treun Oscar nan lann, Is iar é a nall gu fleagh. An diugh bidh cuirm is fonn sa’ ghleann; Am màireach a bhrisear leinn sleagh. Innis da gu ’n thog mi suas Uaigh Chathuil fo luaidh nam bard; Thug mi a thruagh charaid do ghaoith. Innis da gu ’n cualas m’a bhuaidh, Air chliu aig sruth fuaimear Charuinn. [TD 279] [Laideann] [TD 280] Cha ’n fhaic mi ’n so mo bhràthair treun; Cha ’n ’eil Cathmor nan ceud ri m’ thaobh; Tha ar làmhan lag an airm. ’S nàmhaid Cathmor do strì nam fleagh; Is mòr ’anam mar dhearrsa na gréine. Ach brisidh Cairbre is Oscar an t-sleagh, Thriatha Thighmòra, air còmhnard Léna. Bu labhar mu Chathuil a bheul; Las m’ anam dhomh féin le feirg: Tuitidh es’ air Moi-léna fo chreuchd; Am fuil éiridh mo chliu air leirg.” Shoillsich sòlas nan treun m’ an cuairt; Sgaoil iadsa mu chruaich Mhoi-léna, Cuirm slige ’g a deasachadh shuas, Fonn barda nan duan ag éirigh. Chuala triatha Shelma an sòlas, Shaoil gur Cathmor còrr a thàinig, Cathmor còrr, ceann-uidhe nan dàimh, Bràthair Chairbre nan ruadh chiabh. Cha bu choimeas anama dhoibh; Bha solus speur an uchd an triath’, Air Atha nam bruach a thùr ard. Seachd aisre gu talla nan sìan, Air gach aisre sheasadh bard Cuireadh coigrich gu clàr na fial; Shuidh Cathmor fo choille nan sliabh, Gus nach cluinnte leis trian do ’chliu. Thàinig Olla ruadh le dàn; Ghluais Oscar gun dàil gu cuirm, [TD 281] [Laideann] [TD 282] Tri cheud fo cheumaibh r’a làimh Roi Léna nan làn srutha gorm; A liath-choin a leumadh san fhraoch ’S an garbh chaoineadh a’ sgaoileadh thall. Chunnaic Fionnghal an sonn a’ triall, Thuit anam an triath fò bhròn D’ eagal Chairbre nan smuainte ciarr Measg slige nam fial ag òl. Thog mo mhac sleagh Chormaic thall. Ceud bard a bha nall air sliabh. Cheil Cairbre am bàs a bha snàmh Fo dhubhra san àm ’na chliabh. Fleagh sgaoilte na sligean a’ fuaim, Dhealraich sòlas an eudan an t-sluaigh; Ach sòlas mar ghrein a tha fann, Claon dearrsadh ro’ mheadhon nan gleann, Is e ceileadh ’dhearg cheann san stoirm. Dh’ éirich Cairbre thall an airm Tional dùbhra nam marbh ’na ghruaidh. Chaisg clàrsaich nan ceud an toirm; Chualas screadan nan sgiath m’ an cuairt. Fada thall air uchd nan sliabh Thog Olla nan ciabh guth bròin. Dh’ aithnich Oscar comhara bhàis; Ghluais is ghlac gun dàil a shleagh. “Oscair,” thuirt an Cairbre ruadh, “Tha mi faicinn sleagh buaidh na h-Eirinn, Sleagh fhada Thighmòra nan stuadh [TD 283] [Laideann] [TD 284] Boillsgeadh ann do làimh ag éirigh. Mhic Mhòirbheinn nan coille ciar, Sleagh, deagh ardan nan ceud righ, Bàs am frìth do thréin o shean, Géill i, mhic Oisein, gun strì, Geill i do Chairbre nan carbad.” “An géill mi,” ’s e fhreagair an treun, “Na thug righ Eirinn nam beum cruaidh, Na thug Cormac chiabh àillidh dhomh féin, ’Nuair a sgap mi fo bheum na Tuaith? Thàinig mi gu talla na féile, ’Nuair a theich iad o Fhionnghal nam buadh: Dh’ éirich sòlas an aghaidh na h-òige; Chuir a’ m’ làimh sleagh Thighmòra nan triath; Cha d’thug e do lag i fo dhòghruinn, No dh’ anam fo mhòrchuis gun ghnìomh. Cha stoirm dhomh féin do dhubhra donn, Cha theine bàis do shùil dhomh féin; Cha ’n eagal dhomh do sgiath, no ’m fonn O ’n Olla, tha lom do bheum; A Chairbre, cuir giorrag air tràill, Tha Oscar a ghnàth mar charraig.” “Nach géill thu fhéin an t-sleagh gun dàil?” Thuirt Cairbre, is ’ardan ag éirigh. “Bheil d’fhocala stormail is ard Mu Fhionnghal air tràigh na h-Eirinn, Fionnghal nan leadana liath, O choille nan sliabh, o Mhòrbheinn? [TD 285] [Laideann] [TD 286] Bha bheuma riamh ri daoine fann. Ach thigeadh e nall do Chairbre; Mar fhaileus siolaidh è sa’ ghleann, No ceathach tha mall san fhàsaich, Tha ’g aomadh ’s a’ taomadh o Atha.” “Na ’m biodh an treun thog beum air fann, A’ tarruing gu teann air Cairbre, Bheireadh Cairbre o Atha nan gleann Eirinn uaine a nall gun armaibh. Na labhair mu na tréin, a thriath; Tionndaidh claidheamh nan sgiath riumsa; Ar spionna fo choimeas gu ’n trian; Tha Fionnghal nan sgiath cliùtach, Ard cheannard nan ard thriath.” Chunnaic an cairde maraon Dùbhra nach robh faoin m’ an gruaidh. Chualas toirm an ceuma claon: Bha ’n sùile mar theine fo bhuaire, Leth gach claidheamh o mhìle slios. Chaisg Olla nam fios am fonn, Olla ruadh nam brosnacha dàna. Chrith anam an Oscair le sòlas, Le sòlas a b’ àbhuis do ’n triath, ’Nuair ghluaiseadh corn caismeachd an righ. Dorcha, mar thonn ciar a’ chuain, Seal mu ’n éirich air stuaidh gaoth, ’Nuair dh’ aomas a cheann gu bruaich, Ghrad-thàinig sluagh Chairbre r’a thaobh. [TD 287] [Laideann] [TD 288] A nighean Thoscair, c’ ar son do dheoir? Cha do thuit an triath mòr nach faoin; ’S iomadh bàs a bha ’g iadhadh m’ an tòrr, Mus an d’ aom am fear còrr air thaobh. Faic mar thuiteas iad roimh ’n triath, Mar choille nan sliabh san fhàsach, An uair’ le feirg thig taibhs nan sìan Fo ’n oidhche gu dian o ’n àiridh, A làmh sgaoilte mu cheannaibh nan crann. Thuit Mòrla, Mathronnan fo bhàs; Dhaom Conachair air làr am fuil; Theich Cairbre o lann a mhòr shàir E sìoladh ’bhàin fo dhùbhra dubh Air culaobh cloiche nan cruth ’s nan crom. Thog e gu dìomhair a shleagh; Bhuail esa taobh Oscair. Air sgéith Thuit an gaisgeach air aghaidh sa’ mhagh; Air a ghlùin bha taice do ’n triath; Bha ’shleagh fhada fhéin ’na làimh. Faic Cairbre! ’s e thall fo smùir. Ghluais geura na cruaidhe ro’ ’cheann A sgoltadh a ruadh-chiabh air chùl: Mar charraig bhriste dh’ aom an sonn, A thuiteas grad o shliabh nan crom, ’Nuair chrathas Eirinn uain e féin O bheinn gu beinn, o mhuir gu muir. Cha ’n éirich Oscar donn a chaoidh: E ’g aomadh ri copan a sgéithe, [TD 289] [Laideann] [TD 290] Bha sleagh nan ciar bhàs ann a làimh. Sheas Eirinn fada thall air sliabh, An glaodh mar onfha gharbh nan sruth; Fhreagair Léna nan cruth am fuaim. Chuala Fionnghal thall an toirm; Ghlac e sleagh Shelma nam beum. Sgaoil e cheum air uchd nan sliabh, Ghrad-mhosgail o ’n triath guth bròin. “Cluinneam ard iarghuil a’ chòmhraig; Tha Oscar ’n aonar sa’ bhlàr. Gluaiseadh sìol gharbh-threun na Mòrbheinn, Is thugadh iad còmhnadh d’a lann.” Bu ghrad mo cheuma féin air raon; Leum Fillean thar fraoch Mhoiléna; Le neart ghluais Fionnghal nach faoin. B’ fhuasach an dealradh, bha ’g éirigh O sgéith nam beum air treun nan sluagh. Chunnaic siol Eirinn fada thall Dealradh mall o cheann na leirg. Dh’ aithnich iad nach d’ éirich gann Do righ nan lann a bhròn feirg. Bha ’m bàs ag iadhadh dall mu ’n smuaintibh. Thàinig sinne; bhuail sinn còmhrag; Chaisg triath’ na h-Eirinn ar gruaim. ’Nuair thàinig an righ ’na mhòr fhuaim, C’e an cridhe bhiodh do fo chruaidh? Theich iadsa o chruachaibh Mhoiléna, An dubh bhàs a’ beumadh ’nan ruaig. [TD 291] [Laideann] [TD 292] Chunnaic sinn òg Oscar air sgéith, ’S a dhearg fhuil ag iadhadh m’a thaobh. Bha sàmhchair mu eudan gach triath’ A’ tionndadh gu’ chulaobh fo dheoir. Bha ’n righ a’ ceileadh a dheoir féin; Bha gaoth o bheinn ’na fheusaig liath; Dh’ aom e a cheann thar an treun; Thuit osna measg fhocal’ o ’n triath. “Na thuit thu, Oscair shàir nan lann, Am meadhon do gharbh astair féin! Tha cridhe na h-aoise fo spairn Faicinn chòmhrag a bhuineadh do thréin, Na cathan do ’m bu chòir a bhi nall, Chaidh ’n gearradh gu gann o chliu. C’ uin a chòmhnuidh’s an sòlas air Selma? C’ uin a ghluaiseas am bròn o Mhòrbheinn? Thuit, o àm gu h-àm, mo chlann; Tha Fionnghal an deireadh do’ shìol. Mo chliu a’ sìoladh sìos o luaidh, Bidh m’ aois-sa fo thruaigh gun chairdibh, Mar nial do cheò a’m thalla féin. Cha chluinn mi tilleadh o bheinn mac Am meadhon mòrchuis is smachd airme. Tuiteadh deoir o ghaisgich Mhòrbheinn; Cha ’n éirich Oscar òg a chaoidh.” Thuit na deoir, a righ nan lann, Cha robh anam gu gann mu ’n triath; Ghluais esa gu còmhrag nan gleann; [TD 293] [Laideann] [TD 294] Chaidh naimhde air chall roi’ ’sgiath; Measg an sòlais bha ’thilleadh an sìth. Cha robh bròn air athair m’a mhac, Thuit an comhstri an tlachd òige. Ghluais iadsa gun deoir fo sgàile, ’Nuair shinnte air làr ceann an t-sluaigh. Bha Bran a’ donnalaich r’a thaobh, Luath gruamach nan raon fo bhròn; Is minic a ghluais iad maraon Do sheilg is do ruadhaibh na fàsaich. ’Nuair a chunnaic e ’chairde m’ an cuairt, Ghluais a spairn gu luath fo a chliabh Osna nan triath arda fo h-aois, Caoine nan con, is am fonn A’ briseadh trom o bheul nam bard; Leagh sud m’ anam féin fo bhròn, M’ anam nach do leaghadh riamh An comhstri nan sgiath no ’n còmhrag; Bha e cos’lach ri cruaidh mo lainn. “Giùlain mi do m’ chruaich, a thréin, Tog clacha sa’ bheinn do m’ chliu; Cuir cabar an ruaidh rium féin, Lann thana nam beum ri m’ thaobh. Togaidh sruth, an cian, an ùir; Chi sealgair gu cùl a’ chruaidh; ‘So claidheamh gharbh Oscair fo smùir, Ard mhòrchuis nam bliadhna chaidh uain.’” “Na thuit am mac a thug dhomh cliu? Nach fhaic mi thu, Oscair, a chaoidh? [TD 295] [Laideann] [TD 296] ’Nuair a chluinneas triatha mòr m’ an clann, Nach cluinn mi san àm ort, a thriath? Bidh caoineach air do chlachaibh liath; Bidh gaoth measg an ciabha fo bhròn. Cuirear còmhrag gun thusa air sliabh; Cha lean thu eilid chiar mu thòrr. ’Nuair a thilleas an gaisgeach o strì ’S e ’g innseadh mu thìr nan Gall, Chunna’ mi uaigh aig an t-sruth, Bha beucadh o dhubh nan carn, Còmhnuidh gun leus do thriath; Thuit e le Oscar nan carbad, Ceann nan garbh dha ’n dàn am bàs. Theagamh gu ’n cluinneam féin a ghuth; Bidh sòlas air dubh mo chléibh.” Thuiteadh an oidhche fo bhròn; Cha ’n éireadh le sòlas a’ ghrian An sgàile fiar na dòghruinn. Sheasadh na triatha mar scòrra Air Moilén’ nan tòrra fo mhùig, Fo fhallus fuar gun luaidh air còmhrag. Sgaoil an righ gu caoin am bròn ’S e togail a mhòr ghuth. Mhosgail na treuna ’na chòir, Mar o aisling a’ traoghadh o dhubh. “Cia fada a thuiteas na deoir Air Moilen’ nan tòrr o Eirinn? Cha till dhuinn na treuna ni ’s mò; [TD 297] [Laideann] [TD 298] Neart Oscair a chaoidh cha ’n éirich. Tuitidh gaisgich ’nan laithibh féin; Cha ’n fhaicear sa’ bheinn an triall. C’ àit am bheil ar n-athaire treun, A shìl nam beum o ’n àm a dh’ iadh? Thuit iad mar reulta fo thòrr, Thog solus mòr air tìr fo mhùig. Cha chluinn sinn ach fuaim an cliu; Ach bu chliùtach iadsa féin Am bliadhnaibh nan treun a dh’ aom. Fuasach is baoth na dh’fhalbh. Mar sin a theid sinne o ’n raon An laithibh fo chaol nam marbh. Bitheamaid san àmsa fo chliu, Is fàgmaid air chùl ar n-ainm, Mar dhealradh na gréine gun smùir, ’Nuair a cheilear fo dhùbhra a ceann, Fear astair fo bhròn is e triall ’G a cuimhneachadh san iar a dealradh. Ullin, mo bhard féin fo h-aois, Gabh long a tha faoin o ’n righ; Tog Oscar gu Selma nan raon. Tuiteadh deoir o òighe nam frìth, O ainnir nan làn uchd am Mòrbheinn. Buailidh sinne còmhrag na h-Eirinn Mu shìol nan treun a thuit le Cormac. Tha lài mo bhliadhna fo smal; Tha laigs ann mo ruighe nach gann; [TD 299] [Laideann] [TD 300] Tha m’ aithriche ’g aomadh o ’n nial Gu faoin astar an liath mhac. Cha tréigear an t-àite so féin Gun dealradh ag éirigh do ’chliu. Bidh m’ anam mar dhearg shruth nan speur Do bhardaibh nam beul ciuin.” Thog Ullin seoil bhàn ri Tuath. Bhuail gaoth air an stuadh o dheas; Leum luingeas gu Selma thar cuan. Sheas mise fo ghruaim thall Gun fhocal mall gu cluais uam féin. Bha fleagh is cuirm air sliabh Mhoiléna. Chuir tuille is ceud gun bheud fo ùir Garbh Chairbre nan tùr ard. Cha chualas fonn o bheul gu ’chliu; Bha anam fo smùir ’s fo fhuil. Chuimhnich na bardan an righ: C’ uim a bhiodh Cairbre an strì nan dàn? Thuit truscan na h-oidhche m’ an cuairt; Chìte shuas o cheud craobh Dealradh lasadh mu ghruaidh nan nial. Shuidh Fionnghal fo dharach na h-airde; Sheas Althan nan dàn ’na chòir Le sgeul an dubh-bhròin mu Chormac, Althan mac Chonachair nan seòd, Caraid ghaisgich a’ mhòr charbaid. Bha ’thuinidh mar ri Cormac féin An Tighmòra nan treun ghaoth, [TD 301] [Laideann] [TD 302] ’Nuair a cheileadh mac Shemo fo nial, Air taobh Lego nan ciar shruth. Bu bhrònach sgeul o Althan liath, A rosga cur sìos nan deur, Nuair a labhair gu còrr am bard. “Grian bhuidh a’ plaosgadh mu Dhòra, An liath-fheasgar a’ tòiseachadh thall, Chrith coille m’ an cuairt do Thighmòra Fo ghaoith bha caochladh mu charn; Thionail niala dubh fuar san iar, Is dearg reul fo ’n sgiathaibh ag éirigh: Sheas mi m’ aonar air aomadh nan sliabh Faicinn tanais air ciar nan speur. Bha ’cheuma mòr o chruaich gu cruaich, Sgiath leathan gun tuar air a thaobh. ’S e bh’ ann mac Sheuma nam buaidh; ’S math a b’ aithne dhomh gruaim an laoich. Shiubhail e ’n a osaig féin; Bha dorcha gun leus m’ an cuairt. Thuit m’ anam fo bhròn gun fheum; Ghluais mi gu talla nan stuadh, Talla slige nam fuaim fial. Mìle solus ag éirigh ard, Làn cheud do na baird fo theud, Sheas Cormac ’nam meadhon cho àillidh Ri òg-reul ag eirigh san speur, ’Nuair sheallas i an sòlas ciuin O chùl nan sliabh mùgach san ear, [TD 303] [Laideann] [TD 304] A h-ùr dhealra a’ glanadh o dhruchd Gun smùir a’ siubhal o lear; Glùaisidh a h-astar sàmhach suas Gun nial a ceileadh fo ghruaim a leus. Claidheamh Artho an làimh an righ, Is e ’g a tarruing an strì òige; Tri chuairt a tharruing e le neart, Tri chuairt dh’fhan fo bheart an lann. A chiabha donn m’a ghuailibh shuas, Las solus ’na ghruaidhibh òg. Bha bròn domh féin m’ an dearrsa ghlan, Bha gu tuiteam fo smal cho grad.” Thuirt an t-òg le fiamh a ghàire, “Am fac Althan am bard an treun? ’S trom claidheamh righ Eirinn bu shàire; Bha ’ruighe ro làidir gu beum. ’S truagh nach coltach mi an còmhrag Ri m’ athair còrr fo mhosgladh feirg; Thach’rinns’ an iomairt nan seòd Ri namhaid mòr Chuchullin féin, Ceanntàla nan garbh charbad. Is math gu ’n druideadh bliadhna suas, Althan nan duan, ’s gu ’m bi ’n làmh so Làidir an còmhrag nan treun. An cual’ air mac Shema an àigh, Ceann-uidhe an ard Thighmòra? Truagh nach ’eil e a nall le ’chliu Is a ghealladh san àm dhomh féin. [TD 305] [Laideann] [TD 306] Tha barda ’g a fheitheamh le fonn, Cuirm sgaoilte an talla nan teud.’ Chuala mi Cormac an sàmhchair; Thuit deoir gu tlàth o mo ghruaidh, Is mi ’g an ceileadh le m’ liath chiamh. Chunnaic an righ mo dhubh bhròn. ‘Mhic Chonachair nan còrr dhàn, Bheil mac Shemo nan lann ìosal? C’ uim a bhriseas an osna gu dìomhair, Na deoir a’ dol sìos le do ghruaidh? Bheil Torlath nan carbad aig làimh, Fuaim Chairbre nan ruadh chiabh? Thàinig iadsa, chi mi do bhròn; Triath Thùra nan tòrr fo smal. Nach gluais mi do chòmhrag nan seòd? Cia mar thogas sleagh mhòr nan cath? Nam biodh mo ruighe mar Chuchullin, Theicheadh Cairbre o ’n tulaich fo fhiamh; Mhosgladh cliu mo shinns’re treun, Thigeadh gnìomha fo dhéigh a nall.’ Ghlac esa bogha crom ’na làimh, Na deoir a’ snàmh m’a ghruaidh O rosgaibh rachdmhoir an òg thriath. Bha bhròn a’ dorchadh trom m’ an cuairt; Bha barda nan duan ag aomadh Thar faoin thoirm an ceud clàrsach. Bha mall aiteal thall air teudaibh; Bha fuaim ann gun fheum, is balbh. [TD 307] [Laideann] [TD 308] Chualas guth, bha fada uainn, Mar aon fhear fo ghruaim is bròn, B’ e Carull o aimsir na luaidh Thàinig thairis o chiar nan sliabh mòr. Labhair e mu bhàs Chuchullin, M’ a ghniomhaibh uile an cath nan seòd, Labhair e mar sgaoil an sluagh Ag iadhadh m’a uaigh an aird, An arma air talla gun ghniomh; Cha robh mu sgiath no còmhrag; Thuit esa chuir teine fo bheum. ‘Co iadsa,’ thuirt Carull caoin, ‘Tha luath mar ruadhaibh’ nam faoin bheann? Co iadsa mar òg choill’ nan cranna An ùrlar nan gleanna fo bhraon? Co ach clann Usnoth nan triath O Etha nan liath shruth? Mhosgail an sluagh ri ’n taobh, Mar neart teine air faobhair chairn, ’Nuair a ghluaiseas gu grad a’ ghaoth Air a sgiathaibh faoin o ’n fhàsach, Mala chiar nan scòrr a’ boillsgeadh; Seasaidh maruich fo shoillse air cuan. Chualar sgiath Chathbaid fo fhuaim. Chunna’ gaisgich an gruaidh Nathois Neart is buaidh Chuchullin fhéin: Mar sin a bha ’cheuma air fraoch. Thà còmhrag air thaobh na Légo, [TD 309] [Laideann] [TD 310] ’S og Nathos nan lann fo bhuaidh: Thig an triath gasda gu h-ealamh Gu do thalla, a righ Thighmòra.’ ‘Faiceam gu h-ealamh an triath,’ Thuirt Gorm-shùil nan ciabha donn; ‘Ach tha bròn a’ dùbhradh mo chléibh Mu Chuchullin nan sgiath ’s nan sonn; Is minic air Dora nan sìan Ghluais sinne gu séilg nan ruadh, Is minic a chòmhradh mu threunaibh, Air gnìomhaibh ’s air beumaibh mo shinns’re, Mo shòlas a’ dealradh ’s ag éirigh. Suidh-sa sìos, a Charuill fhéin, Aig cuirm nan teud, is cluinneam dàn. Is taitneach a ghnàth do ghuth; Tog am fonn mu chliu Chuchullin, ’S mu Nathos nan cunnart o Etha.’ Grad a mhosgail an là o stuadh Le ’uile dhearrsa ruadh o ’n ear. Thàinig Crathain gu talla nam buadh, Mac Geal-làmh, a bhuail an aois. ‘Chunna’ mi dubh-nial san fhàsach, A righ nan sàr thriath an Eirinn: Bu nial e do réir mo smuainte— Ach sluagh so tha dùnadh mu lear. ’S fear mòr, is a cheuma fo neart, A ruadh chiabh ma seach anns a’ ghaoith, Sgiath a’ boillsgeadh ri soillse o ’n ear, [TD 311] [Laideann] [TD 312] Sleagh fhada a’ casadh ’na làimh.’ ‘Gairm e gu cuirm Thighmòra,’ Thuirt òg righ a’ sìoladh gu soillse; ‘Gairm e gu talla nam mòr thriath, Mhic Geal-làmh nan gnìomh ’s nan dàn. ’S e ’n gaisgeach o Etha a th’ ann, E tighinn a nall fo chliu. Ceud fàilte air coigreach nan treun, An caraid thu fhéin do Chormac? Charuill, ’s gruamach e ’s cha chiuin; Tha e tarruing o ’chùl an lann. An e so mac Usnoth fo chliu, A bhaird a chuir as ùr na bh’ann?’ ‘Cha ’n e mac Usnoth a th’ ann, Ach Cairbre, do namhaid fo cholg, C’ uim a thàinig thu fo lann, A thriath dhubh-ruaidh nam mala borb? Na tog do chruaidh a thréin air righ. C’ uim a ghluaiseas gun strì do luaths?’ Ghluais es’ ann a dhùbhra ciar; Ghlac e làmh an righ ’na làimh. Chunnaic Cormac fhéin am bàs, Lasair feirg a’ snàmh m’ a shùilean. ‘Tréig so, a thriath Atha nam beud; Thig Nathos an treun le còmhrag.’ ‘Tha thu dàna am meadhon mo thalla, ’S mo ruighe neo-neartor fo lann.’ Ghluais an claidheamh suas ro’ ’chliabh; [TD 313] [Laideann] [TD 314] Thuit an talla a shinns’re an triath, A chiabha àluinn sgaoilt’ air thalamh, Is deathach na fala m’ an cuairt. ‘Na thuit anns an talla,’ thuirt Carull, ‘Mac Artho bu taithrise fial, Gun sgiath Chuchullin bhi mar ris, No sleagh athar, am mòr thriath? Is brònach sibhs, a chruacha Eirinn, Is e gun éirigh measg a shluaigh. Sìth le d’ anam féin, a Chormaic, Chaidh thusa fo dhorcha an òige.’ Thàinig focala Charuill suas Gu cluais Chairbre nan ruadh chiabh. Dhùn e na barda fo dhùbhra; Bha eagal air m’a lann a shìneadh Gu bard, ge dorcha cli a chliabh. Fada bha sinne fo bhròn. Thàinig Cathmor còrr, an triath; Chual e ar guthan o ’n chòs: Thionndaidh e ’shealladh gu fiar Air Cairbre nan ciar smuainte. ‘A bhràthair Chathmoir,’ thuirt an seòd, ‘Cia fada bhios bròn air m’ inntinn, Do chridhe gun chaomh mar charaig, Do smuainte làn fala, is dorcha? Ach ’s bràthair thu do Chathmor féin, Bidh Cathmor le feum an còmhrag. Cha choltach ar n-anama, a thréin, [TD 315] [Laideann] [TD 316] Thusa, ’s laige làmh an còmhstri. Tha solus mo chleibhse fo smal Le gnìomhaibh cas mo bhràthar. Cha chuir barda fonn air mo chliu; Their iadsa, ‘Bha Cathmor treun, Ach bha ’bheuma air taobh Chairbre.’ Theid iadsa thar m’ uaigh gun leus; Cha chluinnear mo chliu a chaoidh. A Chairbre, tuasgail-sa na baird; Is iadsa clann an àm chaidh sìos; Cluinnear an gutha air ard, ’Nuair dh’ aomas gu làr ar sìol, Sìol righre Thighmòra nan crann.’ Thàinig sinne mach mar thubhairt, Chunna’ sinn an curaidh ’na neart; Bu choltach e, a righ, ri d’ òige, ’Nuair thog thu an toiseach a mhòr sgiath. Bha eadan mar thuar na soillse, Grian a’ boillsgeadh gun nial air speur. Cha robh dorcha air astar a ghruaidhe. Thàinig e le mìlte do shluagh Gu cobhair Chairbre nan ruadh chiabh. A nois a dhìoghladh a bhàis, A righ Mhòirbheinn nan ard chraobh.” “Thigeadh Cathmor,” a fhreagair an righ; Tha mo làmhsa an strì nan treun; Tha ’anam am mòrchuis a’ boillsgeadh; Tha ’ruighe an soillse a neirt, [TD 317] [Laideann] [TD 318] A chòmhraga ’g iadhadh mu chliu An t-anam beag mar chearb do cheò, Tha còmhnuidh mu loch gun ghaoith. Cha ghluais e mu na cruachaibh mòr, Eagal gu ’n d’ thig ’na chòir ’s e faoin, Osag fhiar o fhaobh’r nam beann; Tha ’chòmhnuidh am meadhon nan carraig A’ gluasad gath tanais a’ bhàis. Tha ar n-oig’re, a ghaisgeacha treun, Mar an sinns’re féin fo chliu ’N an òige measg chomhstri nam beum. Thuit iadsa le beus san ùir. Tha Fionnghal fhéin an dùbhra mall Nam bliadhna thall. Na tuiteam féin, Mar dharaig thar sruth a tha gann; ’Na tha ceuma an t-sealgair, ’S i sìnnte seargta fo gharbh-ghaoith; Cia mar thuit an crann so féin! ’S e feadadh ’s a leum air falbh. Togar suas am fonn, an aird, Fonn sòlais a bharda Mhòirbheinn. Cuirear dìchuimhn air àm a dh’fhalbh; Biodh gach anam mu gharbh chòmhrag. Tha reulta a sealtuinn o nial, An sàmhchair dol sìos gu tonn. Grad thig an dearrsa gu h-iar A’ feuchainn gu ’n trian naimhde Chormaic. Fhillein, a mhic, gabh mo shleagh, [TD 319] [Laideann] [TD 320] Gluais gu Mòra nam mala ciar; Biodh do shealladh aig astar nan sliabh; Coimhid gu ’n trian ar naimhde; Coimhid astar Chathmoir na fial. Cluinneam fuaim tha fada thall, Mar charaig nan carn tha tuiteam sìos An gleannaibh fiar nan ciar fhàsach. Buail-sa an sgiath air an àm, Mu ’n d’ thig iad a nall ro’ ’n oidhche, Eagal tuiteam do chliu na Mòirbheinn. Tha mis am aonar an so, a thriath; Na tuiteadh mo chliu an ciar na h-aoise.” Chualas ard guth caoin nam bard; Tha aomadh an righ air sgéith Thréinmhoir; Thuit cadal mu shùilean an tréin, Sàmhla còmhraig ag éirigh ’na inntinn. Tha ’n sluagh fo chadal balbh m’ an cuairt. Tha Fillean dubh-ruadh ri naimhdibh; Tha ’cheuma air cruachàibh nan stuadh; Chuala sinne air uair a sgiath. [TD 321] [Laideann] [TD 322] [Blank] [TD 323] TEMORA. CARMEN SECUNDUM. [TD 324] [Blank] [TD 325] [Laideann] [TD 326] TIGHMORA. DUAN II. v. 1-17. ATHAIR nan triath garbh, a Thréinmhoir, Ard chòmhnuidh leat féin am fiar-ghaoth Measg torrunn dubh-ruadh nan speura, Tein-athair a beumadh nan nial. Fosgail talla ciar nan stoirm, Thigeadh barda le toirm nan dàn; Thigeadh iad o ’n àm a dh’ aom, Le clàrsaichibh faoin a nall. Cha lag a thuineas an ceò mall; Cha shealgair sruth gann an còmhnard, ’S e Oscar nan carbad a th’ ann O leirg nan cath garbh ’s nan còmhrag. Is grad do chaochla-sa, mo mhac, O do dhreach air chiar Mhoiléna; Tha ’n osag ’ga d’ thilleadh fo smachd, ’Nuair is fuaimear a neart air speuraibh. An seall thu mu ’n athair, tha faoin [TD 327] [Laideann] [TD 328] Ri taobh shruth gàirich na h-oidhche? Tha triatha Mhòrbheinn fo chadal air raon; Cha do chaill iadsa mac o shoillse. Chaill sibh gaisgeach treun an còmhrag, A thriatha Mhòrbheinn nam fuaim ard, Co ’n gaisgeach bu choimeas do ’n òg threun, Ri taobh garbh chomhstri nam blàr, Mar dhùbhra trom nan uisge do-aill? C’ uim tha m’ anam féin fo mhulad? Bu chòir da bhi lasadh an cunnart, Eirinn ri mo làimh le neart, Righ Shelma ’na aonar le feart. ’Na aonar cha bhi m’ athair treun, ’Nuair a dh’ éireas sleagh fhada dhomh fhéin. Ghluais mi a’ m’ armaibh gu grad, Mo chluas ri guth lag na h-oidhche. Cha chualas sgiath Fhillein nam buadh; Chrith m’ anam mu luath mhac an righ. C’ uim thuiteadh treun nan ciabha donn? C’ uim thigeadh naimhde nall ro’ ’n oidhche? Fada thall bu bhalbh am fuaim, Mar onfhadh truagh o loch na Lèige, ’Nuair thraoghas uisg’ o thaobh gu taobh, An là tha caoin is reotha mall, An eigh uile briseadh ’s a’ beucadh, Sìol Làra coimhead crom nan speura A’ gabhail dhoibh fhéin an stoirm. Chunnas Fillean dorch balbh, [TD 329] [Laideann] [TD 330] Ag aomadh thall o charraig Mhòra. Chual e glaodh nan naimhde mall, Ghluais giorrag air ’anam le sòlas. Bhuail forum mo cheum a chluas; Ghrad chas e le fuaim a shleagh. “An d’ thàinig mac oidhche an sìth? No ’n tachair thu le strì ri gruaim? Is naimhde an so, naimhde an righ; Labhair clith, neo fairich cruaidh, Cha sheasar an so le fear faoin, Tha mar sgéith do thriath Mhòrbheinn.” “Na seasadh gun fheum no gu faoin Sìol Chlatho nan caoin rosg mall. Tha Fionnghal ’na aonar an aois, Dùbhra dùnadh m’a laithibh tha falbh. Tha dà mhac aig righ nan triath, Dha ’m bu chòir dealradh measg cath; Dha ’m bu chòir bhi mar theine nan sliabh D’a cheum ’s e dol sìos mar ghath.” “Mhic Fhionnghail,” grad fhreagair an t-òg, “Cha ’n fhada sleagh mhòr ànn mo làimh; Cha lìonor comhara mo lainn. Teine nach gann m’ anam féin, Triatha Bholga dlùthadh m’ an cuairt, Sgiath Chathmhoir nan cuacha fial An garbh thional thall air an t-sliabh. An sìn mi sìos mo cheum nan còir? Do ’n Oscar ghéill a mhàin mo luaths [TD 331] [Laideann] [TD 332] Am comhstri mu chruachan Chòna.” “Fhillein, na gluais-sa nan còir; Na tuiteadh am fear òg gun chliu: Chualar air m’ ainmse am fonn, Theid mise null ’nuair is eiginn. O thruscan ciar na h-oidhche ciuin Chi mise gu ’n cùl an sluagh. C’ uim a bha d’ aithris mu ’n Oscar? C’ uim a mhosgladh leat osunn mo chléibh? Cuirear air chùl am mòr thriath, Gus an sìoladh na sìana o ’r taobh. Na seasadh mulad measg a’ chunnairt, No deòra turse an sùil nan sonn. Dhìoch’nich ath’ra an sàr chlanna Gu deireadh lanna blàir is airm. Thionndaidh ’n sin am bròn as ùr, Fonna glan o thuirse nam bard. Conar, brathair còrr do Thrathal, Ceann nam fear dha ’n dàn am bàs. Fuil a naimhde mu mhìle sruth, Le ’chliu lìonadh gleanna Eirinn Mar aiteal beusach gaoith’ ’s i fann. Chruinnich cinneacha mòr Ullin; Chuir iad cuireadh gu righ nan lann, Gu righ o shinns’re mòr a’ mhonaidh, Sìol Shelma nan curaidh nach fann. Triatha Eirinn o dheas ag éirigh An dùbhra dùinte ’n ardain thréin; [TD 333] [Laideann] [TD 334] An dubh chòs Mhuma dlùtha r’a cheile, An sanas mhùig am focala féin. ‘Is minic,’ thuirt iadsa, ‘mu ’n tom Chìte tanais lom nam fear, Feuchainn an crutha dubh-dhearg crom O charradh bhriste lom na lear, Cur cuimhne mu chliu nam Bolg. C’ uime,’ thuirt iad, ‘bhiodh Conar ’na righ, Sìol coigrich na strì o Mhòrbheinn?’ Thàinig iad mar shruthaibh o shliabh Measg forum an ceud chlann. Bha Conar mar charaig an triath; Briseadh, thaom iad sìos o ’lann. Ach thill iadsa minic is tric; Thuit, a Shelma, do shliochd am blàr; Sheas an righ measg uaighibh nan treun, Is eudan fo bheud ri làr: Thrus ’anam i féin fo smachd; Chuir e comhara ’s clach air sliabh, Anns an tuiteadh an triath le cliu, ’Nuair a thàinig ’na neart fo sgéith Mòr Thrathal o nialaibh Mhòrbheinn, Bràthair Chonair am mòr thréun. Cha d’thàinig an gaisgeach leis féin; Bha Colgar gun bheud r’a thaobh, Colgar mac do righ nan lann Is ainnir nam mall rosga gorma. Mar Threunmor an truscan do dhealan [TD 335] [Laideann] [TD 336] A’ tearnadh o thalla nan sìan, Measg torrunn cur dòruinn o thalamh Air dubh-dhruim na mara fo nial, Mar sin a bha Colgar an cath ’S e caitheadh ’s cur as an raoin. Mòr sòlas athar féin mu ’n triath. Thàinig iuthaidh gu dìomhair air treun: Dh’ éirich clach dha gun deur air sliabh: Dìolaidh ’n righ a gharbh mhac fhéin. Bhoillsg Treunmor an còmhrag mar dhealan; Threig Bolgai an talamh fo bheud. ’Nuair thill sìth do raon a’ bhàis, ’Nuair ghluais gorm-thonn an treun do Mhòrbheinn, ’N sin chuimhnich an righ a mhac féin; Thuit sàmhach o’ cheud na deòir. Ghairm barda nam fonn tri chuairt Aig còsaibh nam fuar thonna do-aill Anam Cholgair, triath gharbh nam buadh G’ a chruachaibh o thalamh a’ chòmhraig. Chual e iadsan ’na cheò mall, Chuir Trathal a lann an còs, Ball sòlais do ’mhac am bàs.” “A Cholgair, mhic Trathail,” thuirt Fillean, “Bha cliu dhuit measg dhaoine, ’s tu òg; Cha do sheall an righ air mo lanns, A bha dealradh san àm air chòmhnard. Tha mise dol maille ri sluagh ’S a’ tilleadh le buaidh gun chliu. [TD 337] [Laideann] [TD 338] Tha naimhde druideadh oirnn, a thriath, Tha forum air sliabh fo mhùig, Tha forum an casa mar thorrunn ’S e gluasad fo thalamh gu baoth, ’Nuair a chrathas na beannta an cranna, ’S nach éirich mall anail o ghaoith Air mala ghruamach fhuar nan speura.” Thionndaidh Oisian grad air a shleagh. Thog mi lasair air magh o gharbh chraoibh. Sgaoil mi air a’ ghaoith am fuaim. Sheas Cathmor nam buadh o ’cheum; Sheas e mar charraig a’ boillsgeadh Measg seachran na h-oidhche ghaothair, ’Nuair ghlacas an osag an sruth ’Ga dhlùthachadh tiugh fo eigh. Mar sin a sheas cara’ nan dàimh; Thog osna nan carn a chiabh; Treun a’s mò ’shiol Eirinn a th’ ann, Righ Atha nan garbh shruth ciar. “A cheann nam bard,” thuirt Cathmor féin, “Fhonnar, gairm triath’ na h-Eirinn; Gairm Cormar nan dearg-ruadh ciabh, Gairm Malthos a’s fiadhaiche fàbhrad; Thigeadh gruaim Mharonnan a nall, Is Foldath an ardain fhiar; Faiceam dearg-shùil Thurloich nan lann; Na dìchuimhn’ Hidala, an triath; Is caoin a ghuth an cunnart baoth, [TD 339] [Laideann] [TD 340] Mar fhorum a’ bhraoin a thuiteas mall Mu ’n fheasgar air seacadh nan raon Aig Atha nan sruth traoghta gann; Is ciuin am fuaim air cluain an fheur, Torrunn briste nan speur a falbh.” Thàinig iad ’nan armaibh grad Dh’ aom gun stad gach ceann r’a ghuth, Mar gu ’n labhradh tanas o nial O ’n sinns’re ’s iad triall na h-oidhche. Fuasach an dealra dubh-ruadh Mar eas Bhrùmo tuiteam an toirm ’Nuair a ghluaiseas tein-athair ro’ ’n dùbhra Mu shùilean fir astair an stoirm. Critheas e truagh measg a thriall’, ’S e feitheamh ri gréin o ’n ear. “An sòlas do Fholdath,” thuirt an righ, “Dortadh fola an strì na h-oidhche? An gann a bheuma measg bruaillein na frìth, ’Nuair a lasas gath lai an soillse? Cha lìonor ar naimhde m’ an chuan; C’ uim bhiodh truscan na gruaim oirnn féin? Is àillidh solus do na tréin, Tha bualadh o bheud an tìr. Faoin do chomhairl-se, thriath Mhòma; Cha ’n ’eil sùile Mhòrbheinn fo rosg. Mar iolaire faire nan còrr thriath Air caoineach na scòrr-bheinn ard. Biodh gach triath fo nial le shluagh, [TD 341] [Laideann] [TD 342] Neart do-aill nam fuaim ard: Mu ’n ear an solus gluaiseam féin A thachairt nan ceud mu Bholga. B’ fhuasach, ge h-ìosal an treun Mac Dubh-shùil nam beud Borbail.” “Cha ’n ann gun chomhara,” thuirt Foldath, “Ghluais mo cheuma fa chòir nan triath: An soillse bhuaileadh leam an còmhrag Le Cairbre an comhstri nan sliabh. Ach dh’ éirich a chlachsa gun deoir; Cha robh bard do righ Eirinn air uaigh. ’M bi sòlas aig naimhdibh ’n fhir mhòir Air caoineach is scòrrbheinn nan cruach? B’ e mo charaid fhéin a bh’ ann; ’S iomadh focal, air àm bha dìomhair, A lùb sinn mu shàmhchair nan gleann An còs Mhòma nan ard thriath, ’Nuair bha thusa do bhalachan faoin A’ leantuinn air raon nan cluaran. Le gaisgeachaibh Mhòma ri m’ làimh Bheir mi mach fo lann na naimhde, O dhùbhra dùint’ an cruachan féin. Tuitidh Fionnghal gun fhonn air sliabh, Righ nan leadana liath o Shelma.” “Am barail leat, fhir a’s laige lamh,” Thuirt Cathmor fo sgàth feirge; “Am barail leat gu ’n tuit an sonn Gun iomradh no fonn an Eirinn? [TD 343] [Laideann] [TD 344] Na ’m biodh na barda fhéin an sàmhchair Mu chloich air tràigh do righ Shelma, Bhriseadh fo ’n anail an rùn, ’S bhiodh anam fo chliu do ’n righ. ’S ann ’nuair thuiteas tusa sa’ bhlàr, A dhì-chuimhneas barda am fonn. Dorcha gruamach thusa féin, Ge d’ tha ruighe nam beum an còmhrag, Mar mhòr thional dòruinn nan speur. An dì-chuimhn do Chathmor righ Eirinn An tuineas caol gun leus an uaigh? An dì-chuimhn domhsa féin an Cairbre, Mo bhrathair garg nach treig mo luaidh? Chomharaich mi dealra an t-sòlais Bha siubhal le mòrchuis nan gnìomh Air ’inntinn sìos fo niala dubh, ’Nuair a thill mi le cliu o shliabh Gu Atha nan sìan is nan sruth.” Mòr, fo fhocal ard an righ, Gu fhine féin a ghluais gach treun; Iad ag aomadh mu chrualaich na frìth, Dealradh faileis an strì nan reulta, Mar thonna an cala nan scorbheinn Fo ghaoith an comhstri na h-oidhche. Ri daraig shìn an righ e féin, Sgiath bhallach nam beum an gruaim Ri carraig air làimh do ’n ard-threun. Sheas coigreach nam beus o chuan, [TD 345] [Laideann] [TD 346] Gath soluis a rùin fo chiabh, O Lumon nam sliabh ’s nan ruadh. Is fada thall a chualas guth O Fhonnar nan cruth ’s nam fonn, Le gnìomhaibh trom an àm o shean. Chailleas air uairibh na dàin An toirm Lùbhair nach gann fuaim. “Thuinidh Crothar,” thuirt am bard, “An Atha nan alda gorma. Le mìle craobh o shlios nan carn Dh’ éirich talla nan ard chuirm, An sin bha tional baoth an t-sluaigh M’ an cuairt fleagh righ a’s guirme sùil, Co esa measg triath nam buadh Bu choltach ri Crothar fo chliu? Las gaisgich am fianuis an triath; Bhris osna gu dìomhair o òigh Laoch cliùthar Alnecma nan sliabh, Ceann fineacha ciar nam Bolg. Bhuail e sealg an Ullin chaoimh Air faobhar caoinich nan Druim-ard. O choille sheall ainnir nan laoch, Nighean Chathmhìn, m’ an luaidh na baird, Gormshùil ghlan bu chaoine làmh. Bhris a h-osna gu dìomhair mu ’n t-sonn. Bha aomadh gruaidh ainnir nan triath Measg seachran a ciabha donn. Choimhid ré ro’ oidhche, ’s i làn, [TD 347] [Laideann] [TD 348] Air ruighe bàn a’ gluasad thall. Bha ’smuainte mu Chrothar nan dàn, An ciar aimsir nan aisling mall. Tri lài sgaoil Cathmin an cuirm; Air a’ cheathramh thog toirm na ruaidh. Ghluais Caomh-làmh gu seilg nan tom, Mar shiubhal nam fonn a ceum. Thachair i ri Crothar an triath An aisre cumhann nan sliabh faoin. Thuit bogha is iuthaidh o ’làimh; Thionndaidh i gu mall a gruaidh Leth cheilte fo tlàth chiabhaibh. Mhosgail rùn an tréin gu luath; Thug e ainnir nam buadh gu Atha; Thog barda am fonn ’na còir. Thuinidh sòlas mu chòir nighinn Chathmhìn. Mhosgail ardan o Thurloch nam beum, Og threun a thug rùn agus annsa Do gheal-làmh nan rosga caoin. Thàinig e le còmhrag gu Atha, Gu Alnecma nan eilide ruadh. Ghluais Cormul amach gu strì, Brathair do righ nan carbad; Ghluais a mach; ach thuit an triath; Bhris osna air sliabh o ’shluagh. Sàmhach is mòr thar na sruthaibh Thàinig dubh-ghruaim neirt an righ: Thaom e an nàmhaid o ’n tìr, [TD 349] [Laideann] [TD 350] O Alnecma nam frìth, is thill e Measg sòlais Chonlàmha nan teud. Bhuail cath air cath; thaom fuil air fuil; ’N àm oidhche chìte mìle cruth Air iomal ard niala na h-Eirinn. Thionail o dheas gach ard thriath Mu sgéith Chrothair is ard fuaim. Thàinig e le bàs a nall, Gu aisre gann a nàimhde féin. Thuit deura o òighe na h-Ullin, ’S iad a’ coimhead ri mullach nan sìan: Cha teirneadh òg shealgair o mhonadh; Tha sàmhchair a’ dubhadh san tìr: Mall is truagh an osag thall Am feur a tha gann air uaigh. Teirneadh mar iolair nan speur Le ’uile sgéith fhuaimear r’a thaobh, ’Nuair a thréigeas e ghaoth le sòlas, Thàinig mac Thréinmhoir nam beum, Canar treun, garbh làmh nan creuchd, O Mhòrbheinn nan treun ’s nan craobh. Thaom e ’neart air Eirinn ghorm, Am bàs dubh borb air chùl a lann, Leth-fhaicte le ’cheumaibh mòra. Theich sìol Bholg o thriath nan lann, Mar fhear astair o shruth nach gann, A bhriseas o fhàsach nan sìan, ’S a bhuaineas an talamh o ’n t-sliabh [TD 351] [Laideann] [TD 352] Le ’crannaibh fhuaimear gharbh. Ghluais Crothar an còmhrag, an treun; Theich Alnecma fo bheud o leirg; Shiubhail an righ, ach mall a cheum; ’Anam mùchta fo bhròn feirg’. Dhealradh leis mu dheas ’na dhéigh, Mar ghréin foghair nach ’eil treun, ’Nuair a thig i an truscan nan nial, Gu Lara nan sruth ’s nan sìan: Bidh dealta air seacadh nan raon; Tha ’n dealra gu faoin fo bhròn.” “C’ uim a mhosgladh am bard dhomh féin,” Thuirt Cathmor an treun, “na seoid A thréig an leirg, ge mòr an cliu? ’N d’ aom tanas do chluas o nial Gu Cathmor chur sios o ’n raon Le sgeulaibh faoin an àm o shean? Sibhs a chòmhnuidh’s an cearb nan nial, Mar osaig shian bhur guth dhomh féin, A ghlacas ceann nan cluaran dubh, A’ sgaoileadh leth ’fheusaig air sruth, Tha guth ìosal am meadhon mo chléibhe, Nach buail cluas eile le fuaim. Dha ’anam tha smachd air righ Eirinn, ’S cho ’n fhàg e ’na dhéigh an còmhrag.” ’Shìolaidh sìos am bard an oidhche ’S e ’g aomadh gun soillse thar sruth, A smuainte air laithibh an Atha, [TD 353] [Laideann] [TD 354] ’Nuair a chualas le sàr a ghuth; Bha deoir a’ tuiteam sìos le ’ghruaidh, Gaoth fhuar is i fuaim ’na fheusaig. Thuit cadal mu ghorm shùilean Eirinn. Cha robh cadal do threun m’a shùilibh. Dorcha ’na anam ag éirigh Garbh Chairbre nam beud fo smùire Chunnaic e gun fhonn no dàn Air osaig a’ snàmh na h-oidhche. Mhosgail is ghluais e cheuma Air iomal nan ceud gu ’n cùl, Bualadh sgéith’ chopach nam beuma. Thàinig fuaim air mo chluais sa’ mhùig Air mala ghruamach chaoinich Mhòra. “Og Fhillein, tha ’n nàmhaid a’ triall; Ceart chluinneamsa sgiath nam blàr. Seas, a ghaisgich, an cuach nan sliabh; Chi mise gu ’n trian na sàir. Ma shaltraicheas sluagh thar mo bhàs O chopa tog ard am fuaim; Duisg Fionnghal air faire nan carn Seal m’ an siubhail a chliu ’s a bhuaidh. Mi gluasad an torrunn nan arm, Mo gharbh cheum thar sruthaibh a’ leum, Bha ’g iadhadh tre ’n dùbhra ro’ shàr, Righ Atha nam blàr ’s nam beum, Ghrad-thàinig righ Atha fo shleagh Air mo shiubhal ro’ mhagh am mùig. [TD 355] [Laideann] [TD 356] An sin a bhiodh an còmhrag garbh Mar thanais nam marbh a’ spairn, A’ cromadh o nialaibh, tha falbh, Taomadh gaoith air faobhar nan carn; Mar fhaiceadh Oisian arda shuas Cruaidh cheanna-bheart righre na h-Eirinn, Sgiath iolair a’ sgaoile m’ an cuairt, Measg iomairt nam fuar ghaoth: Measg ’ite bha reul a’ boillsgeadh. Chaisg mi san oidhche mo shleagh, “Tha ceanna-bheart nan righre a’m chòir! Co thusa, mhic dubhadh nan speur? Am bi cliu do shleagh Oisein, fhir mhòir, ’Nuair a thuiteas an còmhrag an treun?” Ghrad-aom e a shleagh o cheann, Mo choinneamh a’ fàs an cruth mòr. Shìn e anns an oidhch’ a làmh ’S e labhairt focail chòrr nan righ. “A chara’ taibhse faoin nan sonn, Na thachair an dùbhra sinn fhéin? C’ uim nach fhacas do cheum, a sheoid, An laithibh sòlais Atha nan teud? C’ uim a thogar ortsa sleagh? Chi grian sinn air magh an còmhrag, ’Nuair a thionndaidh’s gu beud an dà righ A’ dealradh an strì na mòrchuis. Chi gaisgich ’n ar déigh am ball Am mòr eagal m’ an àm o shean; [TD 357] [Laideann] [TD 358] Chi iad e mar àite fuaith Cur sòlais is gruaim mu ’n inntinn.” “An dì-chuimhn iad,” fhreagair mi féin, “Aite coinneimh do threin an sìth? Bheil cuimhne na còmhraig an còmhnuidh Cho taitneach do mhòrchuis nan triath? Nach fhaic sinn le sòlas na raoin, ’S na sgaoil sinns’re nach b’fhaoin am fleagh? Ach lìonar ar sùile le deoir Air an leirg dha ’n robh còmhrag nan treun. Eiridh chlachsa féin air aird, Measg caoinich nan carn ciar Le focail do bhliadhnaibh nach d’ fhalbh. ’Nuair chaillear thusa, chlach nan saoi; ’Nuair a thraoghas sruth Lùbair o lear, Aomaidh fear astair a thriall, An cadal air sliabh nam fear: Gluaisidh ré mar chearcal dubh Thar a cheann an aisling nan cruth; Thig sinne suas ’na shealladh faoin, A cur a chuimhne air an raon. C’ uim a thionndaidh’s tu cho dorch, Mhic Borbair nan colg fiar?” “An dì-chuimhn, mhic Fhionnghail nan lann, Cha bhi sinne a’ snàmh nan gaoth, Ar gnìomha an dealra nach gann Roimh shùilibh nam bard a chaoidh. Tha dùbhra dubh mu Atha féin; [TD 359] [Laideann] [TD 360] Tha righ bu treun gun dàn gun fhonn. Bha dealra glan a’ briseadh riamh Do Chathmor o ’chiar inntinn, Mar ré is i coimhead o nial Measg torrunn dubh-ruadh na h-oidhche.” “Mhic Eirinn,” fhreagair mi fhéin, “Cha ’n ’eil m’ fhearg dol ’na dhéigh gu h-ùir; Ghluais mo ghàmhlas* mar iolair nan speur O nàimhdibh fo bheud is smùir; Cluinnear leis na baird le fonn; Bidh sòlas air sonn sa’ ghaoith.” Dh’ éirich anam an righ air aird, Tharruing e a lann o thaobh; Chuir e ’dealra glan a’ m’ làimh; Le osna an sàmhchair uam féin Ghluais Cathmor nam buadh treun. Lean mo shùil an laoch ’s e falbh Mar gharbh chruth thanais a’ boillsgeadh, ’Nuair a thach’ras baoth shamhla nam marbh Fear astair am balbh na h-oidhche, An truscan ciar nan sliabh fo ghaoith; Bidh ’fhocala mar fhonn o shean, Le madainn o lear a sìoladh An cruth leth dheanta do mhùig. Co e sud o Lubar thall O thruscan nan gleann do cheò? Tha drùchd nan speur m’a cheann; Tha ’cheuma gu mall fo bhron? * ghallt’nas. [TD 361] [Laideann] [TD 362] Co ach Carull o ’n àm a dh’fhalbh O chòs Thùra nan garbh sheòd. Chi mi ’n còs dorcha an carraig Ro’ cheò a tha tarruing do ’n aonach, Th’ eagamh gu ’m bheil an t-ard thriath Cuchullin air sgiathaibh na gaoithe, Tha lùbadh nan craobh r’a thaobh. Is taitneach fonn am madainn chiuin, O bhard Eirinn nam mòr chliu. Tha tonna a’ briseadh ’s a’ falbh Gu do-aill fo ’n garbh eagal féin, Iad a’ cluinntinn thu ’g eirigh le fuaim O thalla nan stuadh, a ghrian. Fuasach thu ’na ’d uile thréin, A mhic nan speur, ’nuair ghluaiseas bàs Le leadan làn a’s glaine sgèimh, ’Nuair chuireas tu do niala còrr Air seacadh nam mòr shluagh. Ach ’s taitneach do dhearrsa do shealgair ’Se suidhe fo gharbh fhuaim nan stoirm, ’Nuair sheallas tu o bhriseadh nan nial A’ boillsgeadh a chiabh fo bhraon, Esa coimhead sìos air gleann, Air sruthaibh nan àld gun ghruaim, ’Nuair a thearnas na ruaidh o charn. Cia fada dh’ éireas tu air còmhrag, Mar mhòir sgéith, lan fala nan speur? Chi mi bàs eàlamh nan triath [TD 363] [Laideann] [TD 364] Mar dhùbhra ag iadhadh mu d’ ghnùis. C’ uim a tha iadhadh focail Charuill? Bheil bròn air mala gun bheud? Cha ’n ’eil gruaim air a shiubhal a’ tarruing, Tha sòlas ann a theine treun Air a sholuis gun mhùig. Théid thusa air chùl do là féin; Thig ortsa àm riabhach na smùir, ’S tu dlùthadh ’s a’ crith ro’ do speur. “Taitneach dhòmhsa guth a’ bhaird; Taitneach do m’ anam am fonn, Mar fhras chiuin na maidne thall Gluasad ro ghleann le caoin fhuaim, ’Nuair sheallas grian o cheò nan carn ’S e ’g éirigh gu mall o chruaich. Cha ’n àm so, a bhaird, do dhàn, No gu suidhe a bhàn le fonn. Tha Fionnghal fo armaibh sa’ ghleann. Faic dealra o sgéith nam buadh. Tha ghnùis a’ dorchadh measg a chiabh, Sìol Eirinn air sliabh cho do-aill. Nach fhaic thus, a Charuill, an uaigh Air bruaich nan sruth fhuaimear o charn, Tri chlacha le ’n liath-cheannaibh shuas Fo dharaig tha cromadh o ’n aird? Tha righ gun leus an sin fo smùir. Thoir ’anam as-ùr do ghaoith. Brathair e do Chathmor féin; [TD 365] [Laideann] [TD 366] Fosgail talla nan speur do ’n t-sàr; Fuadaich-sa le fonn a ghruaim O thanas dubh-ruadh Chairbre. [TD 367] [Laideann] [TD 368] [Blank] [TD 369-90] NOTES [Beurla]