[TD 1] ORAIN NUADH GHAELEACH; MAILLE RI BEAGAIN DO CHO-CHRUINNEACHADH URRAMACH NA’N AIREAMH. LE DOMHNUL MACLEOID, ANN AN DURINISH, SA’N EILAN SCIATHEANACH. Pillidh mi gu m’ dhaimh le teannruith; Gu talla ceolmhor nan teud; Far an lionmhor cruit is clair, ’S ioma bard a sheinneadh sgeul; B’ iomadh slige dol mu’n cuairt, ’S dan nuadh ga luadh le cheil; A caitheamh na feisde sa’n TUR, Le mor chliu dha mairthuin geil. Inbhirneis: CLODH-BHUAILT AGUS R’ AN REIC LE EOIN YOUNG, AIRSON AN UDAIR. 1811. [TD 2] [Blank] [TD 3] ROIMH-RADH. THA ’n t-saothair-sa ’nios air a cuir a mach, ann an ordadh fiosrach, reith, soilleir; agus a thaobh ’s gu bheil Ceannardun ceansgeulach na Riogheachd-sa, mar bhraithrean dileas do sheirbheisich an t-soisgeul air a chànain-sa ghlacadh na’n uchd, a chum greim a dheanabh dh’ i mar chloich an suil, tha mi ’n dochas gu’m bi na chi na na chluinneas na briathrean-sa cho aontach agus cho toilleach riuthsan, ann an cliu agus onair a thaisbeanadh do na h-uaislibh fialaidh, ceannasach, do na ghoireadh Ceithir Uirsinean Catha nan Gaidhel; ’sa bharr air sin, dha bheil iuchraichin gliocais nan Eilain; ’s faodaidh mi a’ radh gun danadas, gu’n d’fhuair iad le’n eolais cinn agus tuigsa naduir ughdaras air na bheil sa chearn-sa dheth na cinnich a riathladh; ’sa chum a leigadh fhaicin do na mhuintir is duille ’se ’n ainm Captein Allistair Macleoid, ann an Ose; Uilliam Macleoid, ann an Feorleig; Olaghair Macleoid, ann a’ Bharcasaig; agus Coinneach Macleoid, ann an Suardail; muinntir a bhuaineadh o ard inbhe, ’sa tha aig irisleachadh an cumhachd a chum leasachadh fradhairc a bharuigeadh air an dream is ain-eoluiche staid, ’sa tha mar stoir fosgailte do gach aithridh, ’s na’n inneal bais do gach droch-bheairt. [TD 4] Tha’n gniomh-sa mar an ceudna fo bhreith bhur baralachadh, ’s na di-mollaidh an saothrachadh gus an leibh sibh e gu chrioch. Tha mi ro fhiosrach mas e ’s gun d’ thig an leabhair so fo chomhair luchd eoluis do’n aithne naduir na h-obair, gu’n cronnuich iad mo mhearachdan le suairceas, ’s pogaidh mi le mor umhlachd an t-slat, ach ma thig i ann an an-tlachd cuis gu lamhan Diumfhear garg, iorgalta, guidheam air fhagail, or cha toil leam a bhi na choir no na chuideachd, ’s cha deoin leam a thoileachadh. Cha bhi mi leantuin na ’g iomra mordhalachd uaisleabh nan Eilan, a thaobh ’s gu bheil e air a dhearbhadh le seanachuidhnibh suidhchte gun deachaidh cairt-iuil na Criosd’achd fhaotuin na’n lamhan, air chor ’s gu’m beil mi lan fhiosrach, nach ’eil ni air bith is graineal sa ’s fuathichte libhsa na briathrean a bhios cosbhail ri brosgail na meadail, air an aobhair sin cha bhi mi leantuin air na mhianuichain a chantuin. “Gu’n crion na luathre a chreag, Sa’n searg as le aois na speuraibh; Gu ’n sguir na sruthain a ruith, ’S an deabh mathair uisge nan sleibhtean; Gu’n tioramich stoirmaibh a mhuir, Gu arabhar a chuir fo reithlean; Gu’n tachair gach ni dhiu so, Cha sgarair bhur cuimhne o m’inntin, [TD 5] ’S bidh ’ur n’ iomradh aig luchd theud, Fhad ’sa bhios reul air an oidhche.” Dean a leubhadh gun mhearachd, ’S mur treig e mo bharail, Bithidh gleus air do theangaidh ri d’ bheo leis, Tha mi, le lan thoil agus umhlachd dha’r ’n urram, Aig aideachadh gur mi, Air Seirbhiseach fior umhail, A mach bhuaithe so, DOMHNUL MACLEOID. [TD 6] CLAR-INSEIDH. A MHIOS mu dheiradh an fhodhair, 26 An diugh a’s leir ar mor chreuchdan, 31 Air tuiteam am chadal a nios o chion fada, 56 An am uracha fhacail domh ’s cunntais thoirt seachad, 61 An am dusgadh le gal dhomh, 112 A nios o tha mi m’ aonar, 100 An ainnir a chunna mi ’m chadal, 124 A Rimhinn og bidh laoidh do bheoil, 144 A Ri gur h-oil leam a sgeula, 161 A dhaoine seallaibh air an aitreabh, 173 A bhean leasaich a stop dhuinn, 178 A chiad diluan do’n raidhe, 201 A ghillean ma’n cinnich ’ur n’ aois, 248 Am bheil thusa air sgiathan do luathas, 257 Bha mi fhein ’s mo mhathair, 72 Chuala mi sgeul ga innse ac, 50 Cia mar dh’fheudas mi bhi beo, 65 Cuiream m’ aithne agus m’ iuil ort, 96 Chuinnig mis ann am chadail, 104 Ciad soghraidh bhuam thar m’eolas, 210 Cha chreid mi ’m briathrean ga riribh, 245 Deanamid ealluin do n’ bhata, 151 Deanamid ealluin do n’ lapruich, 156 Dh’fhag mi slan mo sgathan beo-shlaint, 222 Fhir tha dol rathaid, 91 Gun labhair grimsaig sa mhaduin, 47 [TD 7] Ge d’ thogair fonn leam neo-throm air m’ aineol, 77 Gur i bean mo ghaoil a Spainteach, 88 Gur a mis tha fo mhulad, 139 Ge fada na mo thamh mi, 148 Ge d’ is tric fhuair mi fiolachd, 177 Gur ro bhronach an t-iorram, 194 Innsidh mi sgeula gun mhearachd, 186 Muire ’s muladach tha mi, 14 Moch sa mhaduin ’s mi ’g eiridh, 85 Mile marbhaisg air an t-saoghal, 225 ’N am eiridh ann sa mhaduin dhomh, 35 Na ’m b’ aithne dhomh chuir an ordadh, 79 Na’n aimisidh mo mhian leam, 158 ’N am dhomh teannadh ri oran, 167 Nach mireagach Cupid, 213 O’s fear a tha ri smaoinachadh oran mi, 39 O thachair dhomh bhi’m thamh, 42 O tha labhradh na m’ cheann, 120 ’S i m’ aileagan uasal, 83 So an geamhradh is cianal, 107 ’S olc an saibhir sanntach, 117 ’S mise smeorach oag a ghrinnis, 127 ’S ann ma’n taca so ’n de, 237 ’S cianal m’aigne o na mhaduin, 241 ’S mithich dhuinne bhi ’g eiridh, 253 Tha m’ inntin air lasadh, 10 Tha m’ inntin ga mo bhrosnachadh, 21 [TD 8] Thriall ar bunadh gu Phara, 133 Tha mo chadal luanach, 183 Tha mo chiabhan air glasadh, 216 Tha mulad tha mulad, 229 Thuit an reula a bha tuath oirn, 239 Tri uairin chrath an oidhche, 266 Ye bonny young virgins, 103 [TD 9] COCHRUINNEACHA NUADH DO DH’ ORAINNIBH GAIDHEALACH. ORAN do Eoin Tormaid Macleoid air dha mhuintir, na chuid tuatha bhi fada gun cheannard, a thaobh e bhi na leanabh fada uatha ann an Duneidin, agus e thighin dhachidh ga ’n ionsuidh do Dhunbhegan, le began aoise ’s moran earachdais, ann sa bhliadhna, 1809. AIR FONN—Oran Mhorfhear Glinurchuidh. Le Domhnuil Macleoid. THA m’ inntin air lasadh Aig uiread mo chlaisneachd, Ma sgeul tha air tachairt, Macleoid air tighin dachaidh, Le choirichin neartmhor, Gu tur nan clach snaighte, Far am b’ fhurneasach sgapteach do chairdean, Far am fhurneasach, &c. [TD 10] Dhios an Dunn am biodh caithream, Le buraich nan cannan, Le fudar ga sgalladh, Gun a chuntais ga ’n tarruing, ’S le sionnsar na ’n doras, Le ’n cruinnluaidh ga phronnadh, ’S a chuirt dha ’n robh ceannas is aileachd, ’S a chuirt, &c. Far bu mhuirneach luchd ealain, Thigeadh uin’ agus tammal, A duthchanan anneol, Dheanta dubailte an ceannach, ’S gillin urlair na ’n caithream, Ri munadh na’n seang-each; ’S a toirt cuntais a gloinnichin lana, ’S a toirt, &c. Thig an uirid na fasain, Bh’ aig na gluin a chaidh seachad; O na chrunadh an gassan, Dha ’m bu duchas an gaisgeadh; Cha bhi iontas mar ghlais ort, Bidh do Thur na cheol caismichd, ’S theid a chuntais air astar gach aite, ’S theid, &c. [TD 11] ’S theid dusal mhic-talla, Ghrad thiondadh gu caithris, Bidh cuntais na shealladh, Tigh’n dluth bho gach doras; Bidh music a langain, A toirt ciul as a bhalladh, ’S cho ionnsaicht air aithris gach canain, ’S cho ionnfaicht, &c. Cha ’n eil suilean fuidh mhalluidh, Na beoil air dha theangaidh, Ni chuntais, na aithris. Dial chursachan glanna, Ma bhuird an fhir alloil; Cha sgeul uir e ri aithris, ’O be cuntais a bhaille ro ’n drast e. O be cuntais, &c. Bha sinn uine gun anam, Fuidh mhusaic, ’s fuidh cheannas, Cho ruisgte ri failleas, Gun duil ri fear aire, ’S air prionns’ na leannabh, Tha sinn sunntach o n’ dh’fhan thu, Mian shuil thu, cha dealuich sinn slan riut. Mian shuil, &c. [TD 12] Mo righ, ’s mo chean-fineadh Dha na shealaicheadh sinne, Fuidh speuran a chruinne, Cha treig sinn thu tuillidh; Air spiorad, ’s air muinghin, ’S air leigh bho gach cunthart, Ni sinn euchd fui’ do chulair ’s na blairibh. Ni sinn, &c. ’N uair a thogair cruinn dhireach,— Fuidh do bhrataichin siode, Le caismeachd na ’m pioban, Ro laiseadh na ’m pichdean; ’S ceann tairbh dhe ’n or fhiorghlan, Mar shign o ’n fhuil direach, Bhidh air thoisich na miltibh sa ghabhadh, Bhidh air, &c. ’S a lasair t-eich chruithach, Le drapan dhe ’n diamon, ’S le fasan nach cuimhneach Linn fhaicin na chluintin, Cha mharcaich sa’n riogheachd, Cean-feadhna cho grinn riut, ’S pailt aoibhneas do mhuinntir na d’ aileachd. ’S pailt, &c. [TD 13] Le deisichin foidhne, Nach fhaighte gun saibhreas, Fuidh lannan a boisgeadh, Mar choinnil san oidhche; ’S mar glacair le foil thu, Cha neart a gheibh greim ort, Ge do thachradh tu laimh aig do namhaid. Ge do thachadh, &c. Miar mullaich na craoibhe, Nach crionaich an deirin, O ghrinneal na doimhneachd, A thuinich a ceannsgeal, Tha barrach mar laintir, Cha ’n fholaich an oidhch i, ’S an talamh le coimhneas ga barcadh. ’S talamh, &c. Bheir na h-eoin aice ’n cuibhrionn, A cosain a cuibhrich, Cha leonair le t’ aillach, A chrodhail thug geal dhi, Tha solas an oighre, Ga ’m posadh na ’s doimhne, Na ’m bord theid a shnaim leis na tairnin. Na ’m bord, &c. [TD 14] ORAN DO MHACLEOID, LE FEAR CHONTALAICH. MUIRE ’s muladach tha mi, Measg na ’n Ro’ach an drasta, ’S mor gu’m b’ fhear leam bhi manran, Mar ri m’ chairdean ’s mi sgith; Ach thoir an t-shoruidh na dha uam Gu commun nan armun, Bu tric ol ’us ceol gaire, Gun bhuirb, gun ardan, gun stri; Gu h-olar tuigideach, cairdeoil, Pogach, furanach, failteach, ’S gun a mi-run ga arach, Do dh’ aon neach tha dhoibhsan a sith, Cha sgeul uir e ri aireamh, Tha e aca mar abhaist, Le deoin Dia cha ne ’n drasta, ’N uair a dh’fhagas e bhri. Ach ge math mo chuideachd ’s mo charadh, ’S beg mo shunnt ris a mhanran, ’S tric mi smuaintin a ghnath, Air car mi-nadaor ’n t-shluaigh; [TD 15] Tha gach namhaid ceann-finne’, Aig cuir an geil dha gu h-innealt, Gu bheil a chairdean ga mhilleadh, ’S gu bheil a chinneadh ris fuar; Ciod e? cha chreidir le reasain, Ni nach eil sinn san eacoir, ’S gur e ’s fheudar sin eibhich, An Duneidin na sluagh; Cha ’n fhodhain breith chairdoil, Le Tighearna ’n drasta, ’S an gradh nadora b’ abhaist, ’S e tha na aite sin fuachd. Ach ge d’ tha ’n t-eallach sin dochart, A bruitheadh dhaoine le osnuich, Bunaidh dhuine bhi socair, Gu ’n d’ theid a roth sin mun cuairt; ’S an a bhristeas gad laidir, ’N uair theid iomadaidh lain air, Cuiridh cuibhle ri lar; A neach is aird’ ann an uair, Air chor ’s ma mhillir le breugan, Fear ma chuid na ma cheutabh, Gur e deireadh a bheuma, E bhi ’g eiridh le buaidh; ’S ma theid fear le ann-durachd, Eadar clach-chinn sa rusgadh, [TD 16] Gur e deiridh a chuis, E bhi diombhach dhe dhuais. Mhic Leoid ga d’ tha thu na d’ leannabh, Tuig gur coir dhuit bhi fearail O dh’ fhag Dia thu na d’ cheannard, Air moran fearuin ’us sluaigh; O ’s tu fein a chlach oisin, A freamh na ’n Leoidich a Lochlain, Tilg dhiot a chuing bhochd-sa, Th’achd ort as toabh tuath; O ’s gaoil fidhich air allachd, Bh’ achd ort o chionn tammul Dhia thoir dhuit fradharc is sealladh, Ma meallair thu bhuain. Thu thighin dhachaidh gu d’ fhardoch, Gu t-aite math tamha, Am bi thu fein ann ’s do chairdean, An Dun blath-bhinn na ’n staugh. Gun toghain long mhor fuidh bheart dhuit, ’S i gu gleusda lan achdain, ’S gioba’ treun laidir tappaidh, Dhuiling frasachd is fuachd; Ge do dh’ eiris a ghaoith orr’, ’S aoil thu ’m beg sin a h-aodach, [TD 17] Fhad ’s a chumas i taobh, Ri muir chlaon o ’n taobh tuath. Le stiureadh foighaidach beumnach, ’S le neart na ’n cairdean is treine, A to’irt fardoich a eigin; Dhaindeoin beucail a chuain; Ma bheirir an t-ausadh, Gun a ru ud fui’ ghealltachd, Bidh an gnoithich sin caillte, ’S ar cliu air chall gu la luain. Ma ’s e ’n cloidheamh do mhisneachd, ’S e na daoine bheir meas dhuit, ’S briagh ciadan ri d’ h-iosgoit, Do dh’fhearibh sgiobalta cruaidh, A rachadh leat an dail gabhaidh, Dhaindeoin fudar na namhaid, ’S a tharruingeadh lannan gorm spainneach, Gu neo-sgathach a truail; Ma ’s e fearansa ’n drasda, Tha air t-fhaire-sa dh’aitach, Tha na fir ud ri ’n aireamh, ’S ri ’n cumail sabhailt mar thuath, Agus moran dha ’n tuillidh, Do dh’ ogradh fui’ ’n duillich, [TD 18] Nach tog meas na blath tuillidh, Ma bhuinnear riu cruaidh. ’S math mo bharoil ’s gu’m faod mi, Air na fearabh ud daonan, Nach bi maille na faoin-ghleus Orr’ an caonaig na spairn, Ach gu fuilteach cruaidh bheumnach A seasamh duthchadh nam b’ fheudar, ’S mairg tighearn’ dha ’n geill iad, Nach bidh eadmhor mu’n call; Cha soirbh fion thoirt as fheusaig, ’N am rusgadh nan geur-lann, ’S gun an taobh-sa Dhuineidin, Ach thu fein air an ceann; ’S laidir cuillen a brollach, An uchd a dhaoine ’s iad fearoil, Ach ’s fear bhi daonan gun onair, Air bheg tor’ a’ measg Ghaull. Tha shean fhocail ag raitin, Nach seas am balla’ ’m bi sgainadh, ’S an tigh a bhios na dha phairtidh, Cha ’n ann dha ’s nador’ bhi buan; A shamhla’ sin tha e soillear, Am ball aon-fhillt gun toinnaidh, [TD 19] Cha bhi treun ann na spionnadh, Dol an iomartas cruaidh; Ach ge be thoinneas gu ceart e, Tri fillte gun bhachdaich, ’S duinne laidir bheir feachd as, Dhaindeoin neart bhios na spuaic; Balla’ daingin, teann, direach, ’S clachan snaighte bhios dileas, Chaoidh cha deanair an diobradh, Le neart sineadh gun sluagh. Cha ’n eil por theid an garadh, Mas a lag, mas a laidir, Nach e ’m blas a bheir fas air, Ge do chnamh e le fuachd; Biodh a ghairnilair gnathaicht, Dol mu ’n cuairt mar as ail leis, Thig dha fein bhi ga arach, ’S a dol a ghnath dha mu ’n cuairt. Ma ’m beir a milleadh na fuachd air, Muir ma dheas, na ma thuath air, Ni ghuillich a ghluasad, Na chuireas fuadach fui’ bhlath: Cha sluagh duine na aonar, Dhaindeoin baroil luchd chleochda’, ’S e mar eithir air chorsa’, Gun achduin sheolta gu cuan. [TD 20] Thoir an t-shoruidh gun cheilg uam, Gu Tormaid Ghlinneilge, ’S gu fir aichdineach sgeilmoil, Dheanadh seirbheis le lann; Gu Minginish ghleanach, Far bheil daoin’ uaisle gle fhearoil, ’S Domhnul Breac fui’ na bheallach, ’S math am barontas ann, Gu Bracadal fhiarach, Far bheil daoin’ uaisle neo-chearbach, ’S gu Duirinish dhealbhach, Far bheil fir mheanmnach gun mheang; ’S gu Bhattornish riabhach, Far faidhte ’n comhlan neo-fhiamhach, ’S gu ionad an fhiadhaich, Far bheil fir fhialaidh gun sgraing. [TD 21] MARBH-RANN DO DH’FHEAR THALASCAR, ANN SA BHLIADHNA 1798. THA m’ inntin ga mo bhrosnachadh, Ri foclachadh mo dhuanag, A smuainachadh an duine sin, A chinnich o na h-uaislin, O ’n teaghlach mhuirneach mhacante, Bu dreachmhor cluiteach cleachduidhin, A fear dha ’n goirte Talascar, O thalla nan ard stuaghan. Be sud an teaghlach aighirich, Bha aighimich mun cuairt dha, Cha b’ ioghnadh e bhi urramach, ’S do thionnail bhi ri bhuain as; Bhidh ol us ceol aig lasgairin, Ma d’ bhord le comhradh lachanach, Piob mhor na feadan brasghara, Bu chaismachdich a nualan. Meoir fhineolt ghrinne, chruinn-cheannach, Bu chuimisich orra bualadh, A cluiche na ’m port luinneagach, A b’ iongandaiche a chualas; [TD 22] Bhidh forum ceol no ’n cuireadan, Aig meoir nach soradh buillean or’, Sios us suas ri d’ h-uinneagan, ’N am cruinneachadh na ’n uaislin. Cha chuala’ mi fear t-ailleachd, Ann an dreach, na ’n caradh eididh, ’N uair rachadh tu fui’ t-armaibh, Bu neo-chearbach u san leum sin; Le cloidheamh caol chin airgid ort, A’s biodag bhreac na meanbh ghrainin, A’s h-olstair fhrancach gheala-ghleusach, ’S a laimh a dhearbhadh feum leo. A togbhail ri cois frithidh dhuit, ’S a direadh na ’m beann fuara, Bhidh companaich is gillean leat, Bu mhinig sin mu ’n cuairt dhuit; Bhidh mial-choin, iallach, chollairach, A ruith air ghlinn, ’s air choirichin, Bhidh mac na h-eiltidh coilideach, ’N am brosnachadh ri d’ ruaig dhuit. ’S fada chaidh do bheudhas, Ann an dreach, ’s an cliu, ’s an uaisle, An ceill, ’s an inbh, ’s an gairdeacheas, An ailleachd, ’s ann an uamhar; [TD 23] B’ fhioghnan air do chinneadh, Ann a lion-sgaradh na fin’ u, O na chiad la riabh sa ghinnidh tu, Bha cinnichadh air bhuaidh dhuit. Bha ceum agad air urram, Thar gach urra bha mun cuairt dhuit, A sgapadh oir gun chumhnadh, Le glaic fhiughantach gun chruadal, Si t-inntin a bhidh criodhail, ’S tu ma bhord a g’ ol le tighearnan, Cum paighidh tu dha uidhear, Ris na shuidheadh dhiu ma d’ ghuailin. Gur mor an t-shaighid loitich sinn, A dhochain na mo chre mi, ’N uair fhuair mi sgeul an aithghear, Air an fhastadh chuir an t-eug ort; Gur lionmhor fear eachdrui’, Bhidhs a cuimhneachadh do chleachdanan, O chaochail u taigh cairtealan, Tha frasachd air a leirsin. A nios o’n uair ’us bas dhuit, Gun a chaill sin fath ar ’n inntin; Bhi cuimhneachadh na ’m bairigin, Bha barcadh oirn ri d’ linn-sa; [TD 24] Bhidh coinneamh uasal, aillisach, Aig uaislibh gallta’ ’s gaelaich, A tighin a dh’ionnsuidh t-ardoich, Far nach cluinnte gair’ na crine, Tha iomadh aobhar curam Aig an duthaich, a’s cuis iontrain, O chairadh ann san uir u, Far nach duisg u ’s nach mo chluinn u; Bu mheadhrach pailt do thurabh, Ann an ol ’s an ceol aig cuirtaeribh, Fhir mhathasaich, mhor, fhiughantaich, Bha muisicoil air ain-neart. Ann an tus dhuit intrigidh, Bu chinteach air cheann sluaigh u, Le d’ ghillin meanmnach curanta, Bhidh fulantach ri cruadal, Le d’ eich chruibhach shrannardach, Dhath-bhoisgeanta, dhruim-ghann-fhada, Bhidh ann an cuibhrach teannaichadh, Bu leantalach sa ruaig iad. Gu leathain, uchdach, slim-fliosach, Beg-chidhlach, bhiodach, chluasach, Gu cruinne-chrubhach, ganna-cheumach, Bras, meanmnach, gu ceanna-ghuanach, [TD 25] Gu luthor, suibhlach, astarach, An dressa ’n trupa Shasghanaich, ’S e sud an cunntas eachdari’, Thig air eachabh an duin’ uaisil. Be sud an duine b’ aighirich, Caithinich mun cuairt dha, Bha moralachd gun ghaine ann, Agus ceannas air bhi ’n uachdar; Bhidh meadhoil mhor a’s greadhnachas, Gach aite far an taghla tu, Bu tagha gach ceann feadhn’ u, Dheanadh faothachadh air cruadal. Cha b’ ioghnadh ge do thachradh sud Dha n’ mhac ud bu mhor meanmin, ’N fhuil rioghoil, dhilis, bheachdoil, Bha gu smearoil, smachdoil, ainmoil; Siol Leoid, nan srol, ’s na ’m braitichin, Nan sgia, nan lann, ’s na ’m baitallan, Fhuair urram, cliu gun seacharan, ’S a chuile teach an d’ fhalbh iad. [TD 26] ORAN DO BHLAR NA H-EIPHAID. BLIADHNA 1801. A MHIOS mu dheiradh an fhohar, An dara la ’s math mo chuimhne, Ghluais na Bretinich o n’ bhanca, Gu advance thoirt air na naimhdibh; Thug Abercrombie cuis na mara’ Dhiu le channoin, ’s b’ ard a chluint’ iad, Bha ’m brigade fui’ mhuiseag daingin, Cumail aingil ris na Francaich. Thanuig ’Crombie mor na feiladh, Le chuid treun-fhear dh’ionnsuidh baittail, Shuidhich e gu h-eolach, treabhach, Luchd na beurla ri uchd catha; ’N uair a dhluth an t-arm ri cheile, Sa dhuth na speuran le deathaich, ’S iomadh fear a bh’ ann san eisdeachd, Nach gluaisadh leis fein an ath-oidhch, Dh’ fhag iad sinne mar a b’ annsa, Fui chommanda mhoirfhear shunntaich, An t-og fearoil, smearoil, naimhdoil, Nach leigadh ain-neart dha ’r n’ ionsuidh; [TD 27] Le bhrattaichin sioda sranntroich, Le chuid crann a danns’ le miusic, Na fir a togairt ’ na Francach, B’ e mo run-sa chlann nach diultadh. Tha na Francich math gu teine, Gus an d’ thigir goirid uatha, Sin agad mar sgrios iad sinne, Ri deich minadin na h-uarach, Ach ’n uair fhuar na seoid gun tioma, Dhol an aite buille bhualadh, Bha rinn air stailinin biorach, ’G iaraidh guinidach mun tuairme. Dhoirt na Francich nam brattalion, Air muin chaich an aite teine, ’N uair a fhuar Shasgunaich droch caradh, Thuiteadh iad mar gharadh droma, Dheigh Sheanelar a bhrigade, Na Gael a tharruing mu’n coinneamh, O’s ann ast tha m’ earbsa laidir, An dream ardanach neo-fhoileoil. Tiondaibh boisibh ’s tairgnibh line, Leis na saighderibh nach tilte, Leoghain smearoil air bheg coimhneis, Cuillenin nach cloidht’ le mi-mhodh, [TD 28] Thanuig iad le dearsadh boiseant, Mar dhealanach oidhche dhilin, Chuir iad iomman air na naimhdin, ’S nial na fol’ air rinn nam picibh. Gum bi sin an ionsuidh fhearoil, Chinteach, amasach gun dearmad, Thug na leoghain bhorba, smearoil, ’S colgara sealladh fui’ ’n armabh, A sgiursadh a naimhdin mar ealain, ’S druichdin fallais air gach calg dhiu, Na Francaich a bruchdadh faladh, ’S an cul ri tallamh sa ghainnich. ’N uair a dh’ iontrain a chuid cosmunn, Morfhear Gordan a bhi uatha, Dh’ainnich iad gu’n robh e leointe, Leig iad gaoir ’s bu leoir a truaighid; Cha b’ ann air ais ann sa chomhstri, Thuit an laoch bu deonach gluasad, ’G iaruidh air adhart sa’n t orachd, Buaidh an ordain a bha uaithe. Friosailich o thus a bhaittail, Air an losgadh mar an ceanta, Leonadh an Cornilear smachdoil, Comhradh a bhaittal a liath u; [TD 29] ’S eolach a sheol sibh an dearcag, Air an fheoil nach tais ro’ fhiamhach, Mun laidh a ghrian na tom tasgaidh, Phaigh sibh air an ais na fiachabh. Gu’n ro’ leomhain treubhach tapaidh, Le reiseamaid sgaitach laidir, An Cameronach garg o’n Earrachd, ’S ursain chath u ann sa blarabh, Thionndaidh u mar aon sa bhattal Air bhar nan lann sgaitach laidir, Cha bu rut le laoch gun taise, Ach faonais air a h-ais a lamhach. ’S truagh gun sian oirbh o luaidhe, Nuair a dh’fhas sibh cruaidh na’r nador, Fulantach gu dol an cruadal, Togarach nuair ghluaiste charge; Cha ro math dha ’r naimhdin gluasad, ’G iaraidh buaidh oirbh ’s na blarabh, Dh’fhag sibh air an traigh seachd uairin, Tuilladh ’s na bha uaibh san aroich. Gur h-iad na righalaich Alba, Na fir smeroil, chalma, phrisoil, Ga b’ ghoirid uain an uair gharbh chath, Air n’ ainm a thoirt a measg mhiltin; [TD 30] Iad a greisid gu air teanachdse, ’N uair a chual iad stoirm nam picibh, Mo chreach! luchd na’m breachdan ballabhreac Ann sa’n lassair dheirg na’n sinadh. Sgap iad an sin as gach aite, Chaidh a lan air sgath gach tuim dhiu, Dheanabh batteri ’s gach aite, Leigeal stairnil as an cuimhne, Thoisich iad ri losgadh lamhaich, Leis na laidrich chroma, chinteach, Sgapadh pheilirin ’s gach aite, Fedirsich ’s cha b’ fhath toilintin. ’N uair a chaidh am battail seachad, ’S chaidh rol gach Captin eigheachd, ’S iomadh treunfhear chaidh san deachabh, Le meud an gaisge sa’n streupa, Bha fuil chom a ruith gu frassach, Aig luchd na ’m breachdanan eilidh, Iad ga taomadh feadh na ’n glachdag, ’S truagh nach d’ fhaod na gaisgich eirigh. Tillidh sinn anios do h-Shasghuin, Dh’ ionsuidh air cairtealan geamhraidh, Far faigh sin an liunn am pailteas, Ge d’ ro’ mac na brachadh gann oirn, [TD 31] Olaidh sinn deoch slainnte Mharcuis, Gualain ar taice ’s ar ceannard, Bidh sinn cho ullamh sa ’s ait leis, A geard a bhrattaichin o ainneart. MARBHRANN DO DHOMHNUL DOMHNULACH, AN GRISHERNISH. ANN SA BHLIADHNA 1808, Le Domhnuil Macleoid. AN diugh a’s leir ar mor chreuchdan, O rinn an t-eug ar lom spealadh, Dh’fhag gun duillich ar crann, ’S a dh’fhag ar ceann na mheall galair, Thromaich sproichd air ar giulan, A dh’fhag gun sunnt ar cuid fearain, Tha sin buailteach do mhuiseag, O chairadh buird ort mu’n anart. Anios o chairadh fui’ ’n uir u, Bidh sinne tuirseach ’s cha ’n annas, Chaill sinn aobhar ar sugraidh, O chaidh ar n’ iontas fui’n talamh, Na’m bu stor e bhidh duil ris, Cha bhidh ar suilin cho gallach, Sin anois e mar Ju’il, Nach faigh n’ ar duthaich gne dh’fhanadh. [TD 32] Na ’m no binn a thighin teann oirn, Cha neil ar ceannard ma ’r coinnibh, Sheasas linn san tigh chorach, Na bheir gu cordadh ar coire, Mile mallachd dha ’n torachd, Thanuig oirne ga shiridh, Nach do sheall air ar cas, A thoirt gu ait’ air bith eile. Ge do bhiod mi’d ga d’ ionndrain, Cha bhiodh ar ciuradh cho soilleir, Na’m biodh aois air tighin dlu dhuit, Na air do lubadh le doille, Ach do spianadh na d’ iuran Fui’ dhuillich dhluth ’s fui’ bhar caineil, A leigeas inntin gach diuca, Bha cuir turn ma do choinneamh. ’S goirt ri chluinntin do mhuintir, A bhi gun righ air a cheann coinneamh, ’S tric na’n cuimhne gach puinc’, A bha na d’ bhuill air a folach, Lamh gun mheang air chul peanta, Bu mhath ceann ’s gach gniomh soilleir, An cainnt a raitichadh aimhreit, Cha ’n fhaicir ann ac’ u tuilleadh. [TD 33] Cha ’n fhaicir Domhnul na d’ chota, Ma leigir deoir gach ceann finne, Cuis a bhroin a seinn ceoil dhuit, ’S nach faic a mor shluagh fear t-ionaid, Ge d’ shiulin criochan na Criostachd, Air fad ’s air liad ’s an taobh muigh dhi, Tha gniamh do mheoirin na sheol dhoibh, A cuir gach corach na h-ionad. Na ’m b’ ann le foirneart luchd do-bheart, A thigeadh leonadh na d’ charabh, Dheanta’ feolach na d’ chomhradh, Le spionnadh dhorn ’s le cruaidh lannabh, Le neart chlann Dumhnuil ’s na Leodach, ’S gach urra’ mhor leis ’m bu toil u, Bu chommun gorach a steornadh, Do chuir ar fogradh ga d’ h-aindeoin. Na fuasgladh storas do bheo dhuit, Cha bhidh do chonaidh san anart, Cha b’ e na bordun do chomdach, ’S cha ’n earadh broin a bhidh mar ruit, Bhidh togail uaimhreach o’n uaidh ort, ’S na miltibh sluaigh ga do leantain, A reachadh deonach ga d’ chomhnadh, Le iomadh ceol fui’ shrol ballach. [TD 34] ’S i ’n tuil a dhoirt air clann Domhnuil, A chuir ar solas an gainnid, O ’s sgrios i comhladh ar dochas, Air muinghin mhor ’s ar lon daingin, Air lassair chruadail mu’n cuairt dhuin, ’N uair dh’ eiradh tuasaid na ’r carabh; Air n’ urlair fuaraidh mar uabhaidh, O ghear an tuagh ar n’ ard mheangan, A meangan suairce nach gluaiseadh, ’S nach cailladh snuadh le fuachd gaillin, Bha duil’ air suainadh mu’n cuairt dhuit, Nach leigadh fuarachd na d’ charabh; O fhreamh na h-uaisle gun truailadh, Nach b’ ann air crualach a dh’fhannadh, Tha ’n garadh uairgneach o’n bhuainadh, A chraobh a b’ uamharach sealladh. Be sealladh uamhair a fhuair u, O rinn u gluasad na d’ leanabh, Cha b’ ann an uairgneas a fhuair u, Do thogail suas ann’s gach ceanneas, Ach ann a saibhlichin foine, Oscionn gach Gaull na d’ ard sgoiller, A choissin saibhreas na d’ laimh dhuit, ’S a rinn dhiot ceannard air talamh. [TD 35] Tha ’n iobairt paight’ aig a chearn-sa, Le guin a bhais dha ’r ceart anndeoin, ’S le meud do bhaigh ris na dh’fhag u, Tha Dia na earlait aig d’ annam, ’S ma dh’fheumair clarca na lathrach, Ge facal dan’ e ri chantain, Cha neil san aite na thamh u, Na thairgnis lamh riut le pena. ORAN AN UISGE-BHEATH. ’N AUM eiridh ann sa mhadin dhomh, ’S mi dol amach gu m’ sheirbheis, Gun thachair oigfhear gasta rium, ’S bu chathranach a sheanchas; ’N uair thaitin fheareaschuideachd rium, ’S ann cuidir ris a dh’fhalbh mi, Thug esan far a ro’id mi, Dh’fhag sin an gnothach ainmoil. Ge d’ dh’fhalbh mi air an turas ud, Air m’ urras bha mi smuaintin, Gu mo mhath an tearnadh dhomh, Na ’n tarain a bhi saor uai’; [TD 36] Thachair cuid dhe chairdean ris, Dha ’m b’ aibhist bhi dha thaobh san, Cho fad’ sa mhairadh fairdin dhoibh, Bhidh pairt dhe air a thaobh san. ’N uair bha mi treis na chomun, Bha mi sin a togairt falbh as, Fhuair mi e cho coineil, ’S gun a dh’fhoinechd mi de ’s ainm dha; Thubhairt esain dean air th’aibhis Is glaodh fhathasd air an t-shearbhont, ’S lian a soighach solasach, A fear tha stop a dh’ainm air. Gnoc mi ma’s a dhurraich, ’S chuir mi cuireadh air an t-shearbhont, Smuainich mi, o’n dh’fhuirrich mi Gu faighin bun a sheanchais, Dh’fhoineachd mi co shloinnadh dha, Ge d’ cheiladh e ’de ’s ainm dha, ’S thubhairt esain rium gu faoltoil, Cha bhi aon diu ort an dearmad. Ma tha u ’g iaraidh eolais orm, ’S gu bheil u feorachd m’ ninma, Gu faigh u fios mo shloinnidh, Ri bhi uine bheg na m’ sheanchas, [TD 37] ’S mi mac na poitidh duibhadh, Bhios na suidhe ’m bun a ghealbhain; ’S e ’n t-eorna buidh’ ’s athair dhomh, ’S i ’n atharnach mo shean-mhathair. Mas a t-usa an urra sin, Bha u na d’ chuirridh calma, Cha chualadh mi fear eallaich, Bheiridh barrachd ort an an Alba; Gu dearbh bu deabh fhear gnothaich u ’S bu chothairaicht’ air falbh u, Bu damhsair math le fidhil u, ’S na d’ shuidh’ bu tu seanachaidh. Bu mhath air cheann gach feum u, Bha u treabhach gun bhi cearbach, Bhidh tu air na feiltichin, A dealadh ri luchd baragain; Cha neil aite suidheadh iad, Nach guidheadh iad fear t-ainm ann, ’S tu b’ fhianuis air an cumhnantan, ’S bhidh trian na chuis na d’ earbsa. Bu leothain treubhach sgairteil u Cha robh u lag na leanaboil, Mar bhidh iad ge d’ bhaistadh, Gu ’m bidh cus dhe d’ bheartain ainmoil; [TD 38] Dhuisgadh tu na cadaltaich, ’S gu lagradh tu fear amasgaidh, ’S dheanadh tu fear lappach, Chuir a’ staid an fhir bu meanmnich. ’D e ’nios as aite fuirich dhuit, Na bheil do bhunaist dearbha, Na ’m bi u aig daoin’ uaisle, Mar bha u uair dhe t-aimsir; ’S minig a bha fuaim ac’ ort, Ge d’ chuir an cuachan airgid, Bhidh uisge teth a’s fuar aca, Ri truailladh do mhac meanmne. Cha’n fhuiling iad an drasta mi, Tha alleas agus anabhar, Ga lianadh leis a statolachd, Tha m’ ailadh-sa ro shearbh leo; Cha leig iad ball na lathrach dhiom, O tha mi fas an Alba, Ach fian, a’s ruma’, a’s branndie, Rut tha tighin an n’all air fairge. Tha ’n gnothaich sin ro chruadallach, Ma chumair uain do chomhradh, Gu ’n d’ theid a chuis o fhearachdais, Ma cheilir air a stoap u, [TD 39] Ge d’ ghlasadh ann a seillarin, Gun chaora’ tha e neonach, ’S gur iomadh fear a theireadh Nach bu bheag air u na sheomar. ORAN A RINNEADH DO DH’EACH A BH’ANN SA CHLAIGIN, Air dha bhi ro chrosda, ’s nach b’ urain duine faighain fogaisg air gu a ghlacadh. AIR FONN—Bein Dorain. URLAR. O’S fear a tha ri smaoinachadh Oran mi, ’S tean nach i lair mhaoil Bhios na thoiseachadh, Each nach fuiling taod, A nochdadh ri taobh, ’S nach glacair ri ’n saogh’l, Gun ghoisneachan; Bastalach le stuaim, Aigeantach sa ’n ruaig, ’S ealanta, cas cruadalach, Comhstrach i, O! chuirin-sa mo gheall, [TD 40] ’N uair a bheir i deann, Nach eil each sa ’n Fhrainc, A bhios comhluadh ri, ’S ann agad a tha chruinne-chas Gu formaigadh, Failireachd na ganna-cheuman, Comhnarda’; Aillin gun bhi gann, Laidir gun bhi fann, Stracanach le gleann, Gun bhi comhnard i, Spioradail do chom, ’S firachoil do cheann, ’S iongantach an dream, Ris a seorsaich u. ’S guanach i air sraid, Suachantais chinn aird, ’S buadhach leat gach blar, Ann san toisich u. Na ’m bidhain leat air feil Na ’n each trupanach, ’S uidheam ort a reir, Do chuid luth chleasan; B’ aiginnach do cheum, B’ fhothramach do leum, Farasdachd an ceill, [TD 41] Mar a dh’ionsuich u, B’ airgidach do shrian, ’Us b’ anmuineach do shian, Calganach do bhian, Mar bu duchas duit; Thogadh tu do chluas, Togarach le ruaim, Bagarach le gruaim, Air gach taobh dhiot. CRUN LAR. Ach cho mhath ’s ga robh do mhanners, Dhiobhal slinnenin Ian Bhain air, ’N uair thoisich u ri fhuchdadh, Ann an cuil an tigh a stapla’, Ge d phronn u air gach taobh dheth e, Gu ’m b’ fhaide leis ’n uair mhun u air, Ga shraddadh ann ’s na suilein air, Le ubrait a toirt shrachd dha; ’S tu thogadh gu neo-shomailta’, Air do dhroinaig air bheg spairnidh; Na maiddin croma’, troma’, Bha fui’ bhonnabh na leap’ airdidh; ’N am eiridh air do bhonnabh dhuit, Bha eibhich fir ga phronnadh ann, ’S gu ’m b’ eibhin bhi ma d’ choinnibh ’N uair bha d’ obair na ceol gaire; [TD 42] An am bhi ga d’ ghlacadh, Cha b’fhear lappach chuireadh srian riut, Gu feumadh e bhi faicileach, Leis an fhencerachd bha d’ shliasaid; Bhi tu anns’ a stailcireachd, Gach aon a reachadh seachad ort, Ga leigadh le do chasan, ’S tu ga ’n caitchigidh le d’ fhiaclan, ORAN MHURCHAIDH BHIG, Air dha bhi na bhuachaile feoir aig fear a dh’eilterin na h-Eglais, agus e fhaotain aon do dh’eich a mhaighstir dhaichuidh far communaich, agus thug an t-each droch leigadh dha, air chor ’s gun a dhochnadh e, a thaobh cumain mor a bhi fui’ achlais air muin an eich. AIR FONN—Cabber Feigh.—Le Domhnuil Macleoid. O THACHAIR dhomh bhi m’ thamh, ’S gur a gnath leam bhi faclachadh, Gu’n labhair mi air reason, Rud eibhin a thaichair rium, ’S mi tillidh far na feilidh; Nach b’ eacoir a h-acanan, Bha marcaich ann sa chunntas, A dh’ uirich na fassanan, Ma ’s a fassan nach d’ theid as e, ’S iomadh neach a chrainis air, [TD 43] Bhi giulain cursain air muin eich, Fui’ achlais dheas ga theannachadh, ’N aite ballain air a chliathaich, ’S mor a phian dha bhallabh e, ’S ma ’s a fassan theid an liad e, Gur gniamh a thogas gallair e. Cha ’n ioghnadh iad a raitin, Gu’r ardanach coiterin, ’N uair dheoibh iad cail a dh’ uaisle, Biodh uaill agus moit’ orra’; Ge d’ bhidh iad fichid samhradh, Ri gleidh ghleann a’s mhoinidhin, Mu gheoibh e air each dialte; ’S e ’s fiadhaich a sheallas ort, Bha bhuil dha ’n fhear ud ’n am dha tarruing, Ann am bannal mharcuichin, Bha gleaghraich aige nach robh ceart, ’S ’n uair thug an t-each an aire dha, Gun thog e mhas le fior thamailt, ’S cha b’ annas sin, Bha chlaigin ris a lar, Ro’ dha shail ga d’ a b’ ealant iad. Thuirt esan a’s e ’g eiridh, Mo leir-chreach mar phrannadh mi, [TD 44] Cha dean mi tuillidh feuma’, ’S a bheist bheir u ceannach air, Ge d’ tha u leis an eildeir, Cha ’n eiric air m’ annam u, ’S ma ’s e mo ghailair bais e, Gu ’m paigh u ri m’ aillir i, Na ’m bidh na d’ chuimhne liuthad cuing, A robh u ’m laimh ’s na cladichin, Cha bhidh tu ’n aite mo dhroch caradh, ’S iomadh la bha maire ort, Ged’ bha ceud o chach ort, aig mo chragan, A cuir o thraidh na feamain leat, Cha do dhing mi riabh an cliabh ort, ’S a bhiast ’s olc mo bharoil ort. Ach ma’s a fear bhios beo, Na gheobh comhnadh san fhearan mi, Gun cuir mi tric an gniamh dhuit, Mo phian agus m’ an-shocair; ’S e bhi fui’ Mhac Liosa Dh’fhag mo mhithlinn a bharachd dhiot, ’S fui’ ghille ro’id mhoir, Cha b’ e dorain bu ghainne leam, ’S a fear bha eolach ma do dhoigh, ’S a bhiodh an comhnuidh maille riut; Cho luath ’s a shocraich e gu h-ard ort, [TD 45] Thug u lan a dhroma’ dha; Ach so mo lamh gu ’m bi u paighte, ’S nach bi baidh na air agad, ’N uair gheobh mi fui’ ’n da chliabh u, Bidh pian air do bhallabh-sa. AN T-EACH GA FHREAGAIRT. A Mhurchaidh na bi gorach, ’S na toisich ’s na ceannabh sin, Mu’n doir mi uillidh spors’ ort, Do dh’ ogradh an fhearain; Gur math mo cheithir brogan, ’S mo dhorn, gu’r a smearoil e, ’S ma gheibh u mu na chluais e Bidh cruaidh ort gu’n caraich u, A Mhurchaidh Bhig na’m bi tu glic, Cha b’ ann ri suid a dh’fhannadh tu, Ach dh’ol dachaidh gun aon each, O chleachd u bhi t-fear cairiste, Bha m’ eolas ort da bhliadhna, ’S tri miosan a bharachd air, ’S cha ’n fhaca’ mi each dialta, Dol riabh gu do dhorais leat. ESAN A FREAGAIRT AN EICH. A bheoithaich dhonna phriboil, Co dh’ innsidh mar eachdrui’ dhuit? [TD 46] Gu robh mi gun each diolta, ’S nach b’ fhiach dha dhol dachaidh leam? Gu faodain-so dha-dheug Chuir fui’ shrianan ’s fui’ shrapachan, Gun usa bhi na m’ fhianuis, ’S glas shiomain mu d’ chassan; Mar as tric bha u, air cul garuidh, Ann an aite drabhasach, Air-son na meairle ga do tha u, Tighin an drasta ceannasach, Gu faca mi glas-lamh ort, A’s cainidh mar teannaicht’ i, Gur tric a rinn mi caradh, ’S an drasta cha ’n aithreach leam. AN TEACH FREAGAIRT A RI’SD. Cha chreid a h-aon tha beo dhiot, ’S an t-sheol sin gu fannain riut, ’S gu ’n cuiridh tu mo dhornabh, An goisnichin teannaichte; Mo mhollachd ort a bhroinean, Bu chora dhuit carthanas, A nochdadh na bu mho dhomh, Ma fograin o’n fhearuin u; Mar bhidh dhomhsa u bhi gun deo, ’S nach b’ urra an comhradh sgoinneil u, Gun deanain cosair dha na h-eoin dhiot, Ge nach mor tha chrimidh ort. [TD 47] Mar bhidh rathnaich do chuid paistin, Ga d’ tha ’n trail mar urr’ aca, Cha d’ thugain gne do bhaigh dhuit, Ga tamailteach fulang riut. ORAN A rinneadh do Choille bhig a bh’ ann sa’n Eilan Sciathanach, mar gu b’ i fein a bhi ga dheanabh. GUN labhair Grimsaig sa mhaidain, Gu moch ’s i teannadh ri seannchas, Gur a lionmhor m’ aobhar smaointin, O thainig orm aois a’s aimsir; ’S beg an t-ionadh mi bhi tuirseach, ’N am dhomh suil thoirt air gach taobh dhiom; An culor a bh’ orm ri linn m’ oige, Fa mo bhroin a bhi as aonais. Bu bhadanach, soiller, sughor, An cruth a’ robh mi san am sin, Gu fluranach, duilleach, alluin, ’S mi ’g eiridh ri blas an t-shamhraidh, Gu miarach, menglanach, duilleach, Gu h-ianach, ruiffedeach, ceolmhor, Gu bochdach, miosagach, meannach, Nach iar a ’s t-earrach an crodhadh. [TD 48] Bu shlattagach, capparach, lionmhor, Mo chuilidh dhiamhoir ’s bu sheasgar, Gu gallanach, fada, fior-ghlan, Gu h-oganach, direach, seasmhor, ’S iomadh bochda ’s miosach tharring, Agus gaobhar bhallach, mheanebhreac, ’N uair a fhaithraichidh iad fuachd na gaillin, A thigidh fui’ m’ bharraich air thearmad. Ach anios o chaill mi ’m barrach, ’S gu bheil m’ aillenin air ruadhadh, Togaidh an obair, an fhianuis, Gur iomadh spianadh a fhuair mi, ’S a mhuinntir sin a bhidh ga m’ thaghal, Ma ’n iathadh an fhaghaid moch, Thanuig a faistin gu teach, Mise bhi gun tlachd gun toirt. Far am bidh crodhnaich nan damh, Gu croic-cheannach, corrach, cas, Slios air nach laidheadh an deallt, Stric thug an fhoill ar lochd, ’S iomadh fear a ghabh oirbh fath, Air a thar ri sail a chnoic, ’S mu ’n dugadh e leis a chas, Bhidh fiadh na fal air a lot. [TD 49] Fhad sa reidh duthair na ’m beann, Chuirin-sa failleas mo chrann, O mo mhullach gu m’ dha cheann, Chaill mi gach cular a bh’ ann, Gun chaill mi mo dhreach ’s mo h-uaimhneach, Gun chaill mi mo shnuadh, ’s mo shnoach, Chaill mi menglan air gach taobh dhiom, Chaill mi mo chaoran ’s mo chnomhan. Chaill mo dhuilleach, ’s mo bhar, Chaill mi h-uile h-agh a bh’ agam; Dh’fhalbh mo riadhaichin o’n lar, ’S arda’ chuireadh blath o’n talamh; O dhas mi na m’ choille lomain, Tha mi air pronnadh ’s air gearradh; Cha neil geug ionam gu’ lubadh, Gu h-iosgadach, gluineach, meallach. ’S iad gu cnottach, cnappach, faobach, Gu cairgineach, raodach, miarach, Gu bireanach, sgolbach, stobbach, ’S mairg dha ’m bu choslais bean m’ iamhaigh, Bu laganach, grianach, soilleir; Mo dhoireigin beaga, blatha, Gu laganach, grianach, fradhaircach, An gabhadh an gadhar gu fathach. [TD 50] Bha mi gu siormagach, duilleach, Gu slineanach, comhnard, socair, Ge d’ dh’fhas mi o chaill mi ’n duilleach, Gu druineanach, tolmach, slochdach, ’S iomadh fear nach d’ chuir orm fiach, Bha ’g iarruidh gu iathadh iomam; B’ ann diu Alastair Mac Hustain, ’S tric a ruisg e pairt dhe m’ dhuillich. ’S iomadh cearcal leathain uinsionn, Thug u o thuin asam ’s cabbar, ’S ge nach dean thu ’n diugh mo chluinntin, Gu’n d’ fhag u cuimhneachan agam; Oganaich a tha ga m’ eisdeachd, Aithris a sgeula-sa uam-sa, Tha mise ’n deiradh na h-aimsrich, Innis a seanchas mar chual u. MARBH-RANN DO SHEUMAS DOMHNULLACH, FEAR SCEABOIST. CHUALA mi sgeul ga innse ac’, Air an fhior dhuin’ uasal, Bha cus ann nach faca’ riamh e, Bha na lian ’s a chual e, [TD 51] Fhuair iad ceart, a ghluasad faicleach, Rinn iad beachdai’ suas ris, Ciadan beannachd o’n triath ainnish, Ghle dha annam duais mhor. Sgeul a chuallas, chunncas uair, Nach biodh na bhuanachd dhuinne, Ort a Sheumais, gun do dheug u, Bu tu ’n deagh fhear ducha, Le mo bharail, cha ’n eil fear ann Dh’ aithriseas as ur ort, Beannachd bhacach, dhall, a’s fhaircleach ’S lionmhor leat fui’n uir iad. Cha b’ e ’n call e, do dheagh shamhla’, Leantuin ann ’s gach ordain, Uasail, miosail, suas ri gliocas, Cus dhe sud a’d chota, Scolta’ bearta, reite a chleachda’, Far an tachradh comhstri, Dhol san t-sabbaid, cha bu diu leat, Cha mho dh’ ionnsuich oag i. B’ eol dhomh iad a bhith na’n cas, Na ’n glacadh am bas oag u, Air na dh’fhuasgal u na’n cruadal, Ann an uair na doruinn, [TD 52] Dilleachd, ’s bantrach, ’s daoine fanna, Nach biodh an geall na ’m poca, Dheibhe freagairt uait roimh ’n phairte, Bhidh a’ mal na ’n dorn dhuit. ’S ioma’ Gaidhael, agus Gall, Bha cuir a nall ga d’ ionnsuidh, Loingheas druighte ’s iad lan luchdaicht’, Dhe gach rud a b’ uire, Cliudh ’us creideas dhuit a freagairt, Agus teisteas cuirte, Miltean iad dha ’n tug u dail, Gun neach dhiu’ fhagail ruisgte. Bu chuis fharmad u ’n uar dhalbh u, Miosail, ainmail, fior-ghlic, Cha robh ’n Alba na fhuair cearb dhuit, Ach a falbh san fhirinn, Call is buinneag air gach turas, Gun robh muir a’s tir leat, Caite a bheil e luidh, na dh’ eirich? Ga bheil breug ri innse ort. Fhad ’s a dhan u, bha u sonna’, Gu h-onarach, ainmail, To’irt an aire dha na chual u, ’S a to’irt cluais dha ’n t-searmoin, [TD 53] Gu ’n robh u laidir dha ’n laige, Air-son fasga’ d’ anama, Agus iochdar ris na feumaich, ’N treud a bhidh an anacorum. Ann ’s gach coinneamh, cha b’ u chroma’, Ach sa chomun uasal, Suidh’ us eiridh, leis na ceudain, ’S tu gun streup ’s gun suasaid, Stolta’, socair, le dorn fosgailt’, Cuir nan tosd ma’n cuairt orra, Lean u ’n duchas mar bu choir dhuit, Mach o Dhomhnull Gruamach. Gruaim air d’ aodain, cha ’n fhac aon fhear, Ach cus faoilte an conuidh, Geanoil, criodhail, ri luchd tighinn, ’N cuir nan suidhe comhluath, Doigh ga’n cumail, ol ’us iomairt, Gun uireasbhuidh loin orr’, Fhad sa bhidhe iad ma do thiomchiol, Cha b’ i chuirm gun chomhra’. ’N uair a chruinnich do luchd eolais, Gu cuir foid a’s uir ort, Bha Clann Domhnuil, cha bu neonach, ’S iad fui’ bhron ga d’ ghiulan; [TD 54] Na bha chach ann, as gach aite, Nach robh ’n cairdeas dlu dhuit, Bu bhreagh an ceol a bhi ga ’n eisdeachd, ’G aithris do dheagh ghiulan. Tha iad lion’ar, ’s ioma’ fianais, Air do dheantas gle mhaith, Rug an aois ort, cha do dh’ aom u, Air a h-aon dhiubh ’n eacoir; Eolach, faic’leach, coir a’s ceartas, B’ e sud fasain Shemais, ’S ro mhaith dh’iommar u na cairtean, Air-son pailteas reusain. Tha reusanta’ dha do chloinn, Bhi gach am a smaointean, Iad a shealltain air gach laimh dhiubh, Mar bha ceann do shaoghail, Gu ’n do dh’fhag u iad mar dhiar iad, Gu ’n fhiachan aig daoin orr’, ’S ge nach cuirre iad na cheann, Gu ’n robh rud ann ri fhaotainn. Fad a shaoghail, dh’fhag u saoirsinn, ’S pailteas maoin aig Domhnul, Oighreachd fearuinn, ’s e na Bharan, ’S tighean geala ’n ordan, [TD 55] Gheibh sibh creideas agus cliu, A h-uile taobh dha ’n seol sibh, Mo theid sibh ri mac na feile, A dh’fhag air steigh choir sibh. ’S trom do cheile, criodh’ cha ’n eirich, Cha tog teudan ciuil e; Gach aon lo, fhad bhios i beo, Gu ’m bi na deoir o suilean, Dubhach, deurach, as do dheidh i, A h-uile ceum ga d’ ionndrain, Ge do lean i air sin treis, Cha toir e bheag ga h-ionnsuibh. ’S eudar striochda dha na bhas, Nach tig gu brath gun ordan, Tha e treun ’s ann leis a theid, Gur treise e fhein na moran; E tighin gun fhios, ’s gun agad fios, Ach duil bhi ris an conuidh, Gun toir e leis an cinne daon’, Eadar aois a’s oige. Trian dhe d’ chliu’ cha d’ rinn mi rusga’, A bha ’n cuirt na h-Alb’ ort, Gu miosal, uasal, a reir sin, Ann ’s gach ceum na dh’fhalbh u, [TD 56] Bha do sgur mar bha do thoiseach, Gun bhonn loc’ air ainmeacha’, ’S ge d’ nach aithrisinn an sgeul ud, Bha u fein ga dhearbha’. ORAN DO SHIR SEUMAS, TRIATH CHLOINN DOMHNUIL, A DHEUG SA’N ROIMH. AIR tuiteam am chadal, anios o chionn fada’, Gun thachair dhomh aicaid a stad ann m’ bhragha, Tha cneidh air mo ghiulan, tha amhgharrach ciuraidh, Cha bhi mi ga muchadh gu ruisg mi o ’s aird i, Ach Dia bhi ga chomhnadh ’s a riaghladh a roidean, An Ti bheil mo dhochas fui’ chomhnuidh an Ard Ri, Lagich mo dhorainn, neartaich mo sholas, Cuir mi ann a dochas bhi na ’s oige na tha mi. ’S iomadh buille so b’ fheudar dhuinn fhulang, Bha chuing air ar muinneal, ’s bu truim i na phraiseach, Cho trom ri clach mhuillean, na sineadh air lunnaibh, Do iargain nan curaidh ’s iad uil air ar fagail, Gradan a gheamhraidh a lagaich gu teann sinn, ’N uair a chaill sinn ar ceannard nach robh shamhladh measg Ghaidheal, Consmun na haoidhealachd, leomhan na rioghalachd, Dorainn ri innseadh dha linne nach d’ thainig. [TD 57] Dorainn ri innseadh, an dorainn a chlaoidh sinn, Thoirleum ar n’ inntin cho iosal ri ’r sailean, Ar ceann feadhna’ mor prisail, bu mor urram sa rioghachd, Gun do bhun an t-eug dhinn e, ar mi-fhortan laidir, Fhir a chunnaic ar cruadal, leig iomuin am fuaradh, Bi thusa na d’ bhuachaill air na fhuair sinn na aite, Cuir dhachaidh Sir Seumas gun aicaid gun eislean, Gu chuideachda fein, mhuire ’s eibhin a tharsail. Chriosda gleidh dhuinne ar buaichaille cliuteach, Ar n’ uachdaran ducha, tha churam an traths’ oirn, Allail ar n’ iuran, smiorrail a’s grunntail, Fearail ri dhusgadh na ’n tiunndadh a’ manran; Ar baranta muirneach, carraig ar bunntaist, Ar n’ aon ’s ar cairt dhubailt, ’s an crun air an tailaisc’ An ramh nach eil bristeach, ar lannan an trioblaid, Ar ceannard, ’s ar misneach, fear bhriseadh a bhaire. Ann an dusgadh na’n codal dhuinn’, ’n urnuigh na ’n athchuinge, Ar deirce ga nasgadh, cuir dhachaidh thu sabhailt, Muint ann a cleachd’ thu, cliuteach ri d’ chlaisdean thu, Muirneach ri t-fhaicinn air each na air lar thu; Ar ’n athair, ’s ar solas, ar fion air na bordaibh, Ar mire ’s ar ceol u, ’s ar doigh air ceol gaire, Ar connsmun na feilidh, a dheonuich mac De dhuinn, Gu coir chuir air steidhe ’s gu eacoir a smaladh. [TD 58] Gur h-inealt an consmun, ceann-cinneadh Chloinn Do’nuil, Fear iriosal, stolda, gun toir air an ardan, Eireachdail, coimhliont, soilleir an eolas, Gairear an trogbhail, bochdan mo laimh-sa, Cuirteir na siobhaltachd, urla na h-aoidhealachd, Tlusail ri dileachdain, ’s cuimhneach air airidh, Aigeantach, innsgineach, beachdail air rioghalachd, Gaisgeach roimh mhillte nan sineadh e ’n gairdean. Mo run ’s air a ghaisgeach, fear og a chuil chleachdaich, Fear mordhalach gasda, gun ghaise, gun taire, Cuiraidh na ’m braitaichean, guineach ri ’m bagairt iad, Chuireadh an t-shradag na lasair gun smaladh; A bhuaileadh a choillaid, mu’n chluan air a cromadh iad, A ghluaiseadh gun somaltachd an coinneamh nan namhad, Le spaineachaibh loma, le musgaidaibh troma, Le fudar caol meallach ’n am teannadh ri lamhach. Ge fada a bha ’n aicaid, na comhnuidh fui’ m’ asgoil, Fograidh mi as i, thig aiteas na h-aite, Cuiridh mi airtneul air fogradh gu chairtealan, ’N uair chuireas Dia dhachaidh, na dh’ aisig mo shlainte, Moladh dha ’n Leigh dh’ fhag fallain mo chreuchdain, Tharruing mo speuraid ni ’s treine na b’ abhaist, Aghaidh Shir Sheumas, aghaidh na feile, Thogadh gach speuclair, thug an leirsin na b’fhear dhomh. [TD 59] Aghaidh na staidealachd, aghaidh na scairtealachd, Aghaidh na maisealachd, tlachd agus aileachd, Aghaidh na fearalachd, aghaidh na smioralachd, Aghaidh us gloine bheir sealladh an sgathan; Aghaidh na stoldachd, aghaidh na morchuis, Aghaidh an leomhain, ach toiseachadh cearr air, Buinnidh dha ’n oig-fhear, bhi cuireanta’ an comhstribh, ’S iomadh loaghach dorn-gheal, theid san tioreachd is ail leat. Cha sugradh ri chlaistinn, bhi dusgadh do chaismeachd, Bhi rusgadh do bhratach, gu h-aigeantach statoil, Piob thollach ga spalpadh, sior phronnadh na brais phort, Fraoch tomach na ’m badan ri crann daite air a charadh, Barrant do dh’ uaislain, ag tarruing mu’n cuairt di, Gu’m b’fhearail an dualchas, dol a bhuantach buaidh laraich, Ceathairne ghruamach gun athadh roimh luaidhe, Dh’fhagadh gun ghluasad cuirp fhuair ann sa’n aroich. Gur iomadh sar ghaisgeach, tha urranta smachdail, A theannadh a steach riut ’n am aisith na cramhain, Le ’n spainneachaibh scaiteach, cho cruaidh ris an ealtain, ’N am bhualadh nan claigean gu spealtadh iad cnamhan, Gu fireachail, eutrom, air mheir ann sa chaonaig, Bhiodh fuil air na fraochaibh, mu’n traoghar an ardan; Le comun gun chlaonadh, gun somaldachd gairdein, ’N am lomadh nam faobhar ri eudan na namhad. [TD 60] Na ’m faicde Sir Sheumas, ’s gu ’n cuiradh e feum air, Gur h-iomadh taobh dh’ eiradh leat reisimeid laidir, An Alb’ a’s an Eirin, co deonach le cheile, O chlach na loung gleusta gu leum a’ Port Phadrig, Uaislean Chinn Tire, bu dual duit bho d’ shinnsribh, Gu rachadh iad sios leat, gun di-chuimhn, gun fhailinn, Gu ’m biodh iad cho tidheach ’s gu’n deanadh iad mi-sta’, Mar leomhana’ mianach ’s gun bhiadh aig an alach. Dh’ eiradh na Leodaich, dh’eiradh ’s bu choir dhoibh, Dh’eiradh ’s bu deonach, thaobh eolais a’s cairdeas, Thigeadh a’ mor shluagh, briosg ann an ordan, Sgiolta na consmuin an toiseachadh a blar iad, Dhearbhadh na fearalachd, calma an am tarruing iad, An calg mar na naithraichin, fearann ga raiteach, Stroiceach le lannaibh iad, dortach air falanan, Cocairean ealluadh iad, air cheannan ’s air chnamhan. Dhuisgeadh na d’ charraid fir uir Ghlinne Garradh, B’ e ’n dearmad gun ghoinne, siol Allien a dh’fhagail, Daoine cho fearrail, cho saorach air lannaibh, Gu faicde neul fal orr’, ga ’n tarruing a’ scabard, Inntinneach, togarach, iompidh cha ’n obadh iad, Fir chruaidhe gun bhogachadh, ’s obair air larach, Calama mar chuirainean, ’s mairg air an cuireadh iad, Chuireadh am buillean gu fulang na Spanich. [TD 61] Dh’eiradh fir Mhuile, le eibhe na cluinneadh iad, Dh’eiradh iad uile gu h-urranta’ laidir, Dualchais a chumadh iad, gualain ri uilein iad, Bhuaileadh iad buillean, mu’n fuiling u tamailt; ’S craiteach ri innseadh, bhi gaireamh bhur diobhail, Na thuit dhe an dream rioghail a’ mi-fhortan Thearlaich, Iadsan cho iosal fuidh shailean na’n Guineach, Na’n cairdean cho dileas ’s bha inc ris a phaipeir. ORAN NUADH, AIR REISMEID MHIC-SHIMI’, CEANN CINNIDH NA’M FRIOSALACH, Air dhoibh bhi re na tioma suidhichd ann an Inbhirneis ri Cleasachd Airm, agus moran cliu fhaotuin bho dhaoine fiosrach bhriogh feothas an ionnsachaidh agus earachdas an Ceannardain; ann sa bhliadhna 1810. Le DOMHNUL MACLEOID.—Air an fhonn cheudna. AN am uracha’ fhacail domh ’s cunntas thoirt seachad, Air cliuteachadh fhasain nan gaisgeach tha ’n traths’; Air t-iunndaidh a steach oirn, gu luth-chleasach aigeantach, Lubhte ann am breachdain, is paiste ann an scarlait; Is cliuteach a bhratach fudh ’n cunntar air faiche sibh, Thoir leam nach bu chaidribh ar tachaird le damhair; Is dlu dha na chasas riubh t-iundadh le masladh, Na ’n uine bhi paisgte fudh ’r casaibh san aroich. [TD 62] Cha churam dha’n aitribh an dumhluich ar Caipteanain, ’S dlu dhoibh an tachdsa bheir casg’ as an namhaid; Le iunsaidh na bagraidean, fudar na lasraichin, Dlu dhoibh cha fhaicir na bhagras air pairt’ dhiubh; An cul-thaobh cha ’n fhaicir, a t-iunndadh le geallteachd, Cho dhlu ’s ga ’m bi ’m feachd bhithis aca mar namhad, ’N am rusgadh nan glas-lann biodh cunntas gun astar, ’S crainn ruisge gun bhratuich ga’n stailceadh fuidh’n sailin. Cha’n eil cunntas air fasain fu’n chrun th’aig Ri Shasghain, Nach eil iunsaichd am pearsa na th’aca do dh’aireamh. Is muirneach ri’m faicsin iad, ’s cliuteach ri’n claisdin iad, ’S luthmhor an casain, sa ’s brais an’ cath lamh iad; ’S ailluinn an crislachadh, scabardach, biodagach, Staluineach, pistealach, slioslannach, dearsach; Scarlaiteach, leisichd, an caramh fudh itein, Thug statachan meas dhoibh nach fiosruich mo chanain. Tha Lovat ’s a dhainghin, na sholas dha’n fhearuin, An deonuich iad fanntuin na’n gearastuin laidir; ’S mor-chuiseach, ceannasach, ’s stroilde ro’n tarruing iad, ’S neoil an cuid lannain mar lainnir an sgathain; Is feidh na ceann cabrach a leumrich mar bhradain, A beicil, ’s a plapruich ri caismeachd an laimhaich; Mian leirsin, is claisneachd, an’ eisdeachd, ’s am faicin, ’S binn gleoraich an caismeachd a steach air na stradin. [TD 63] O! dhaoin’ nach fachd iad, ’s beg ionaidh a chleachd sibh Mar saoraich sibh ’m fada gu ’m faicin an caireamh; An’ caochla’ gu beachdidh, bho ’n aodain gu’n casain, Cho aondach dha ’n fhacal cha ’n fhacas air lairich; ’S Piop mhor a chaol-mhuineal, a libhrigeadh luinnig, Throimh imhridh chuimir, no riubhidin fainndach; Siod na chuir iompa, ’s gaoraich a th’ uineag, Aig innseadh dha ’n druma’ mar chuireas i failte. Bidh slainnte Mhic-Shimidh, na cairdeas dha’ chinneadh, Sa’n all nach do ghinneadh bioidh sireadh roimh chach orr’; ’S ard ann an spiorad e, ’s laidir an’ gillean e, ’S bar air air an t-shiorachd e, ’s teine e nach smallair, ’S garadh roimh ghioradh e, sabhaladh chinneach e, Slainnte bho thinneas e, ’s tuilleadh air aird air; Bho ’n thar e mar ghibhtin, an Aird ’s a cuid sliochda’, Buaidh-larach bioidh tric leis mu ’m brist’ iad am baradh. Buaidh-larach air urram, do charadh a chullar, Roimh’ reitichir ullamh gu iomal gach straide; ’S reul ann an Lannun u, ’s groineach do thuras ann’, Eiridh iad uile na d’ fhuran, ’s na d’ fhabhar; Seididh na h-uramaich, ceir nan cuid uinneagan, ’S gleusar gach inneal is binne gu canan; Gach stiopal, ’s gach druma, na piopan, ’s na foifin, ’S na cinn as na tunna’ dhe rhum’ le d’ aileas. [TD 64] Ach ga treun thu mar chuiridh, ’s deich ceud fui’ do chuimir Lan-rheismid ullam, gheur, ghuineach, neo-sgathach, ’S e sheulich do bhuinnig cinnfheodhna na cruiunne, Lan ceill’ agus urraidh a cumhal do phairte; ’S rioghal do Chaipteanain, ’s aoigheal ri ’m faicin iad, ’S maigh deanail, faicleach iad, ’s laisde air parad iad, Bho shalaibh an casan, gu ’m bar air a marcadh, ’S oir faindeach na mhapaidh gu’n achlais bho ’n airdid; Gu’n cluinnte na’s beachdaidh iad, sloinnidh mi ’mach dhiubh iad, Is lainteirin laisd’ iad, cha taisich am blas iad; Eacoir, na craichainin, dh’eiris ’n ar feachdanain, ’S leir dhomh na chaisgeas e, an gaisgeach is Madsair; Ga libh e na ghlain’, ’s bas milltin e ’n carraid, Nidh shaighdean geur’, tan’, cuim fhaladh a thrathadh, ’N glac diolte ’n eich allail, ’s ard siein ann am fallas, ’S dhean’das mar dhealan, a gearradh, ’s strachdadh. ’S lamh shionte thu na d’ earradh, ’s ard iaras do dheannal ’S griob dhuechuin na gaillin, sion chall’ gun bhaigh u; ’S deuchuineach sealladh air iarbhail do ghailair, Cuirp lionmhor ri tallamh nan earruinin gearte; ’S toir’ bhiatach thu ’m fallachd, ’s corn iatach na falla’, S e lion an ni ’n t-anart, is staileas fudh lar iad. Bheir iochdshlainnte an cannan ceo fimha ga ’n dalladh, A spianas bho ’n talamh nan deannanain smail iad. [TD 65] Ga gruamach a sealadh fudh fhuaichintais ballach, Mar nualaich na mairadh na falaisgte a Mhairste, Tha suairceas ’san cionneal ’s am boichid mar leannain, A buaradh na ’n caileag ’s am mealladh na paistin; Theid Ban-tighearnan glana dhe’n cuimhne ’s dhe’n ainne’ Cho cinnteach ’s dhaimis dhomh an ealluin-sa radhtin, ’S bioidh bantreabh’chin fhearibh ’s an clann air an droinaig, Le geall an cuid ban a bhi folach o’ charn leibh. ORAN LE BEAN OAG, Air dhi bhi posd’ aig shean duine, agus maile na fhradharc, ’s iad a freagairt a cheile. ISE.---Cia mar dheudas mi bhi beo, ’S an duinne broite truadh agam, Tha esan sean, agus mise oag, ’S ann aig tha ’n coir mar chualla’ sibh, Ga d’ a laidheas mi ga choir, Tha bheul sa shroinn air fuarachadh, ’S gur mor a chuilidh grain a phog, Le iasaig mhor ga suathadh rhium. ESAN---A bhean cha ’n eil do labhairt ceart, Bha neart ionnam ’n uair fhuair u mi, Dheanain mire, muirn, is macnais, ’S ghleachdain ris na gruaigaichin; [TD 66] A sean-fhocal ma dheudair innse, Sgeula fhior mar chualas e, Cha lean an suinneach air t-sior ruith Bidh e sgidh dhi uairigin. I.—’S olc an dreis a mhair u dhomhsa, Cha b’ e ’m posadh buadhmhor e, Chaill u mhiosneachd, ’s dhais u d’ dheorai’ ’N uair bu choir dhuit cruadhachadh; Air-son da fhichid is corr, Cha ’n aois ro mhor ma ’n t-uairmaichd sin, S’ gur iomadh fear nach eil cho oag riut, A chuireas poir mar thuathanach. E.—Dheanain cliathadh agus crann, Na faidhin earlaid luathareach, ’S dheanain cuideachadh le banntroich, ’S dheoibhain taing is tuarasdal; Ga d’ chaidh mi nios a prios, O tha mi tinn air uaireanan, Gu ’n rohb mi rhoimhe m’ scailaig ghrinn, ’S bu mhor ga d’ dhi na fhuar u dhiom. I.---Sa h-uile cas an robh u riabh, Bha teang’ a d’ bheul a dh’fhuasgladh ort, Na ’n creidadh gach neach do sgeul, Gu ’n deana’ tu na cruachan dhomh, [TD 67] Ach c’ aite faice sinn do ghniomh, Na fiachde ris a ruabhar u, Gu robh do dhruim ’s do laimh cho diomhain, S’ iud an giamh a fhuair mi dhuit. E.---A bhean nach labhair u gu foil, Cha ’n eil do chomhra’ buanachdach, Ma thiunndais tu rium sa choir, Bheir mise an corr’ nach d’ fhuair u dhuit; Glachdaidh mi suisd na m’ dhorn, ’S air urlair comhnaird bualidh mi, O airde sparradh nuas gu lar, ’S cha ’n fhag mi grain air sguaib agad. I.---Na’n togadh tu oirt a chroit sin, Choisnadh tu do dhuais orm, Cha chluinnte gu brath mi ’g osnuich, ’S nochdain-sa mo shuairceas riut, Chuirin an t-im ann sa bhrochan, ’S chuimin deoch dhe ’n uachdair riut, ’S choidla’ mi’d gu samhach, sochdair, ’S cha bhidh sprochd na gruaman orm. E.---Th’fhaoil mi bhean gu robh u bainnte, ’S nach bidh sannt gu tuasaid ort, Ga d’ dh’fhaisain-sa cho fann, ’S nach tiuntain air do chluasaig riut, [TD 68] Thoir leamh fhein nach eil u ’n call, ’S do chlann a chuir ri d’ ghualin dhuit, ’S mo dh’fhas u guinideach na d’ cheann, Gur bean tha ’n geall air buaradh u. I.---’S ann agam-sa bha ’n ceann-fath, N uair chithin cach a cluainais riut, Chaidh a chuis o ealladha dhomh, ’S cha robh stath bhi d’ bhuachilleachd, Ga d’ is mise glac do lamh, Bha te na dha nach b’ uathach leat, ’S ma chosg u riu do liun tath, Tha ’nios d’ fhailte air fuarachadh. Dhainuich usa sin ort fhein, A bheadag dh’fhas u suarach orm, Chaill u nise dhiom do speis, Cha ’n eil do reite buan agam, O na chaidh mise bho fheum, ’S e ’n teud a rinn do bhualadh-sa, ’S moch sa mhaidin chuir u ’n geil dhomh, Nach robh m’ eiridh suas agam. I.---Fhir gun stath, gun rath, gun direadh, Na bi g’ innse tuailleas orm, Na ’m bidh t-usa dhomh-sa dileas, Cha bhidh m’ inntin bruailleanach, [TD 69] ’S e bu mhianach leat bhi briodal, Ris gach ribhin chuaileanich, ’S iomadh ribban agus cirr, Is deise chinn a fhuair iad bh’uait. E.---C’ aite an d’ fhuair u mi sa scath, Na faca’ tu ga’n tuairgneadh mi, Cha robh mi ’m mhearleach cho math, ’S nach glacadh tu mi uairigin, Ma fhuair u t-oisgeal air na brath, ’S e ’s fhasa’ dhuit cuir suas orm, ’S na caireach air a bhuin do chos, Ach leig amach mar chuala tu. I.---Ma chuireas tu mi gu ’m dhulan, Bidh a chuis na’s cruaidh dhuit, Dheibh a Ministeir an t-ullais, ’S theid a luireach thuaircnidh ort; A linnseach mhasleach air a dubladh, Leis gach dunadh tuairaisteach, ’S ge d’ a bhithin air do chulthaobh, Air-son cruin cha ’n uaisgluin i. E.---Gus an d’ theid u ann sa ’n uir, Cha ’n fhaic do shuil ma m’ ghuailin i, ’S ma theid a naigheachd oscinn buird, Cha chliu dhuit bhi ga luaidh sin rium, [TD 70] Ga d’ a lasadh t-fheirg le buiradh, Cho grad ri fudar buareasach, Cha choduichir leat orm air cuirt, Gun dh’ionnsuich mi le uaibhairachd. I.---Cha b’ mhor nach coma’ lium co dhiu, Cha robh do thurn ach suarach lium, ’S an t-am a b’ fheair a bha do shugradh, Chunntin-sa na h-uaireanan, Choidladh tu cho trom gun dusgadh, Air mo chul le smuaisearachd, Is ge d’ a bhidh mo thigh ga rusgadh, Cha bhidh curam gluasaid ort. E.---Bheirin comhairle gu h-eolach, Air gil’ oag tha fuasgailteach, E bhi glic ri linn a thoisich, ’S luidhe seolta suas rithe, Gun droch cleachdadh thoirt ga dheoin, Do dhoraig nach bi stuaim aice, ’S gun fios na lagichadh a threoir, Nach orduichadh i ’n uaigh th’oirt dha. I.---A fear rach dean a threodhadh trath, Sa Mhairst’ ga d’ robh e fuar aige, ’S cuilidh magaidh e measg chaich, Sa ’n latha blath cha bhuain e dios; [TD 71] A chuid fearruin a muidh fas, Na stiadhlan ban is luachar air, Is Esan broinean a dol bas, ’S na soidhlean lan aig tuathanuich. E.---Cha ’n fheud do threodhadh-sa bhi gann, ’S do chall ri dheanabh suas aigin, Dheibh sinn aigeach ann sa ghleann, ’S theid cuinge gu teann ma’n guailin orr’, A Duneidin dheibh sinn crann, ’S e fasan Gallta ’s uisle linn, Coultair stailin, soc, is bann, ’S gach ball bhios ann bidh cruaidh orra. I.---Bidh cho maith ’s do ghealladh dhomh-sa, Is coirdidh sinn gun duaireachadh, O na tha sinn cho fad comhladh, ’S am posadh mar chruaidh snaimh oirn, ’S mor gu ’m b’ fheair lium an t-olc eolach, Na fogarach luasganach, ’S cuiridh sinn an treis ud comhla’, ’S coirdidh sinn mar shuairceanan. E.---Thu’irt an sheannfhear, ’s cha b’ i bhreug, Ge d’ dh’eiradh sian nan cuairtagan, Cha rohh soirdheas laidir dian, Gun fiath bhi g’ oirid bhuidh’ sin; [TD 72] ’S an cogadh ’s mo bh’ ann riabh, Chaidh crioch le rian air uairign, ’S a bhean cuir ri do theanga srian, ’S bidh sith ga deanabh suas aguinn. ORAN LE GIL’ OAG, Air dha ceithirar na coignar fhaotuin an diolanais, air dha fein ’s dha mhathair a bhi aimhreit an co’nuidh air a son, ’s iad a freagairt a cheile. AIR FONN Hil u hilin oro ho ro hilin eile, Hil u hilin oro ho ro hilin eile, Hil u hilin oro ho ro hilin eile, ’S a nighean donn an t-shugraidh, Mo dhurachd bhi reith riut. BHA mi fhein ’s mo mhathair, Dimairt ann sa’n t-sheomar, ’S gu robh i rium a g’ raitin, Gu m’ nair’ dhomh bhi gorach, A luidhe leis na caillaigean, Gu ’m b’ aimideach an doigh e, ’S nach posadh gin’ gu brath mi, ’S a ghraisg’ ud an toir orm. Hil u hilin, &c. [TD 73] Thu’irt mi fhein gu diblidh, Gur cinnteach gu ’m b’ fhior suid, Nach bu duinne fir glic, Bha strith ris a ghniomh ud, A cosd’ a chuid le mi-chliu, ’S le mi-cheutaidh mhiantabh, Ach sguiridh mi ri’m bheo dheth, Ochoinn, ’s beg mo mhian air. Hil u hilin, &c. Sin ’n uair a thu’irt mo mhathair, Gu’m b’fhearr leam gu’m b’fhior sin, Gu sguiradh tu gu brath dheth, ’S gu fasadh tu cialach, Gur a h-iomadh cainadh, Is fain thug mi riabh dhuit, Ach leigadh tu ma d’ chluais e, Le buairadh na ’m biast ud. Hil u hilin, &c. ’S ioma’ duinne b’fhearr na mi, Dh’ailig sa cheum sin, Ministeirin, pairt dhiu, Air airde ’s ga leibh iad, A bhean an cual’ u ’m Papa’ Rinn paist’ ann sa Eiphaid; Na ’n cuala tu Riogh Dabhi’, Chaidh dan air Basheba, Hil u hilin, &c. [TD 74] Ministeir, na Papa’ Dhe’ n’ dh’ailig sa ghniomh sin, Olc air mhaith ga ’n d’ rinn iad, Cha’n fhoighneachdar dhiots’ e, ’S b’fhearr dhuit a bhi ceillidh, Ri ceusadh do mhianaibh, ’S ma rinn iadsan eacoir, ’S iad fhein a bheir dial ann, Hil u hilin, &c. Bu mhath an duinne Dabhi’, Ga d’ dh’ailig e ’n uair sin, Bha e cneisda’ naomha, ’S bha gaol aig an t-sluagh air, Cha chomharda’ dha ’n Righ sin, Do mhisteireachd thruailidh, ’S mi-loinn aig an t-saoghail, A ghaolich dheth d’ ghluasad. Hil u hilin, &c. A bhean an cual’ u Solla’, Bha mordhallach, fir ghlic, Dha ’n robh urram fothlum, Is ceilladh, is criandachd, ’N uair phos e seachd ceud bean, ’S ochd fichid-deug dialoin, ’S their usa nach fhiach Fear a dh’ iaras a tri dhiu, Hil u hilin, &c.. [TD 75] Bha’n duinne sin na shearmonuich, ’S ainmail sa Bhiobul e, Nach neonach leam do sheanchais, Cho dearbha’ ga innse, Ciod e cho brais ga ’m bitheadh e, Mun ruitheadh e air mile’, Cha b’fhearde an te ma dheiradh dhiu, Gu deibhin os a cinn e, Hil u hilin, &c. A bhean na ’m bithins’ ann, Ann san am an robh e fhein ann, ’S gu ’m bithin ceart lamh ris, An aite robh ’n treud aige, ’N uair bhithidh e ga tharachadh, Gnath ris gach te dhiu, Gu rachuin dreis na aite, Na ’m b’fhearde leis fhein e, Hil u hilin, &c. ’N uair bhios ma chlann-sa laidir, ’S a dh’fhasas iad crianda’, Gu ’n d’ theid mi nunn air sal leo, Gu sraid Charolina, Sin a ’n uair a dh’ eudar, Gach aon chuir ri gniomh dhiu, Bidh duine air ceann gach feuma, ’S mi fhein a bhidh diamhain. Hil u hilin, &c. [TD 76] Gu ’n dean Nial an t-aiteach, A Mairst chuir an t-siol dhomh, ’S ni mac Ni Cathi buachaile, Dhualichas ni dhomh, ’S gu ’n dean mi banar-thigha, ’S gur laodhach i Caitirina, ’S bidh Finghaol bheg ruadh ud, Ri fuadhail, ’s ri sniomh dhom, Hil u hilin, &c. ’S mise a bhios gu statoil, A statharachd sa’n am sin, Ma’n cuairt do mo phlantation, ’S mo cheane na mo laimh-sa, Cha dean mi ach an t-ordan, Gu sporsail thoi’rt dhoibh-san, ’S fearr dhom sin na posadh, Ochoin! ’s beg mo thaing ris. Hil u hilin, &c. [TD 77] ORAN LE DO’NUL MACLEOID, DHA LEANAN, Air dhi bhi ro bheartach, ’s na faicte an coir a Bhail’ e bhidh am bais cinnteach aige. AIR FONN O ’s tu ’s gur a tu th’air m’aire, O ’s tu ’s gur a tu th’air m’aire, ’S tu-sa ruin tha tigh’n fui’n ear dhomh, ’S gur tric do shugradh na mo shealladh. GE d’ thogair fonn leam neo-throm air m’ aineol, Cha ’n eil mo shunnt ris cho dluth sa ’s maith leam, Tha leoin air dubladh, tha muchadh m’ annail, S ga beag a thus thug mo luthsa car leis. O ’s tu, &c. Ga d’ tha e neonach le fear ga aithris, Gun d’ fhag mo threoir mi, ’s na smo, mo cheannal, ’N uair chluinn iad m’ oigead gur mor an annas, Le iunndrain phogan mo chloidh a gealladh. O ’s tu, &c. Mo chriodhe leointa fui’ spoig gach gallir, O chaill mi ’n dochas gur tu bu bhean dhomh, ’S o thraidh mo shuilin, tha ’n uir ga m’ tharruin, ’S gur gearr an uine gu’n dun’ i far rium. O ’s tu, &c. [TD 78] Bha mise gorach a leoin mo bhallaibh, Na smuaintin posadh a’ cota fallamh, Ga d’ thog a leoim mi cho mor am barrail, ’S mi deanabh bosd air-son pochda Bharroin. O ’s tu, &c. ’N uair charnas storas cho mor aig fear dhiu’, ’S a chlann gun phosadh na’n goisnadh meallidh, Mo chitir oig-fhear a choir thalla, ’S ann theid an cu ris, far cursa bhaille. O ’s tu, Nach cruaidh an cas dhomh, ’s mo shlainnte mar ris, Nach leig e tamh dhomh air sga’ chuid sgallag, Ach ruaig a bhais air mo shail sa mheanaid, ’S mo dheibh e lamh rium cha tar mi m’ annam, O ’s tu, &c. Ga d’ tha mo chradh a cuir blaths na m’ annail, Gun duil ri slainnte gu ’n tar mi ’n ainnir, Tha sgrib na namhaid na plaigh ro sgrabhoil, Aig iaridh fath gu’s mo shnathain a ghearradh, O ’s tu, &c. ’N uair luidheas cach, bidh an tamh fainear dhoibh, Cha chluinn iad m’ ainoich, ’s cha ’n earr gu fairrich, ’S ann bhios mi statharachd an aite folluich, A leigadh lain dhiom ’s cha sta’ dhom aithris. O ’s tu, &c. [TD 79] Ga math na suilean an cuil ’s an sollas, Gun d’ fhag iad bruite air bheag suidh mo chothluin, ’S gu’m b’fhearr dhomh duinte iad na meud an cron dhomh. Ma ’n leig iad umpa’ cho dlu na dhon mi. O ’s tu, &c. Ciod e so ni mi ma nith nach faigh mi, Ach sgur dheth iaruidh ’s mo chial a leantuin, ’S gun suil gu sioruith thoi’rt fiar na carrach, Air te le ’n ciar mi ’s nach fhiach mar fhear mi. O ’s tu, &c. ORAN DHA LEANAN CHEUDNA, Le Donul Macleoid, a thaobh a bhi ga ruagadh air-son gaol a thoi’rt idir dhi, chor ’s gu robh bheatha an cunthard na ’m faighte lamh air. AIR FONN—An ainnir a chunnig mi ’m chodal. NA ’m b’ aithne dhomh chuir an ordadh, A liuthad doigh a rinn mo lagaird, Dh’fheumain a phronnadh gu h-eolach, Gu’m biodh e na cheoil fui’ bhratuich, B’ uthramach an am na ruaig e, Na’n cuirt’ an clo-bhualadh ceart e, Tha e turseach agus eudram, ’S shaol leam nach leigin a mach e. [TD 80] Ga muladach tus mo dhanna’, ’S muladich cas mo phearsa’, Mo leithid a dhuine laidir, A dh’fhaotin a bhais leis a raisa’, Roimhe ga b’ eudram air sraid mi, ’S triume mi ’n drasda na caisteil, ’N uair a smaonicheas mi ’n aileachd, Air na chairich mi mo mhacnais. ’S e ’s measa dheth sin mo mhuintir, O tha mi le cuing an glasadh, ’S nach urrain mi leis an eilta, Dhol da cheum a mach o’n starsnich; Eagal gu ’n cuirar a laimh mi, ’S gu ’m bi mo cheann aig an fhactoir, Cha ghabh iad urras na fiach bh’uaim, Ach mo riathadh, na mo chlachadh. Och! is Ochan! mar a tha mi, Cha ghuil mo mhathair ri m’ aicaid, ’S minig a tharruin i lamh rium, ’S a thug i strachd dha mo chlaigin, Cha chreidin na bha i ’g radhtin, Ga tric a dh’aithn’ i dhomh seachnadh, ’S thainig a h-eachdrui’ gu firinn, Gu’n d’ thigidh sgrib’ ma mo chasan. [TD 81] Comhairle oirbh a ghillin oga, ’S cha bhi sibh ri ’r beo dheth aithreach, Na togaibh ar suil le caoimhneas, Ri nighean Toiteir na Barroin; ’S gu h-airid ri piuthar Balie, Aig am bi laimhardais fearthuin, Dheobh e do chrochadh sa’n eacoir, A cheart cho reith ’s ga d’ bhi tu ciontach. ’S diulich leam tuireadh mo chairdin, A thuilleadh air cradh nan creachan, Mhilleadh mo spiorad ’s mo chaileach, Thilleadh mo shlainnte ’s mo ghaisgeadh, Ghiorrich mo dhilleachd ’s mo bhardachd, Liunich mo chair is mo chreachdan, Bhuillich an turaman stath dhiom, S chruinich e stairleach am chlaisdneachd. Cha ’n fhaicir tuillidh mo chairean, Cha d’thig an gaire na fhaisge, Ragich an t-acaid cho laidir, Bhagair i lamh air mo chadal, Rugadh mo chuid-sa dheth an anradh, ’S tuirseach mo charaidh is m’ fhaicin, Coldach ri muirstair, na meairlach, ’S uldach a bhais a tighinn faisg air. [TD 82] A ghillean na siribh gu uaisle, ’S cuimaibh an t’uadhmhor a fasain, Faoidair a bhreanachadh bh’uamsa, Nach eil e suarach gu gleachd ris, Beachduich air cleachdadh na tuatha, ’S faisgid a buaidh agus tlachd dhuit, Seachuin a chrois air a boaichaid, Smachduich am buaradh, ’s biaidh mais’ ort. O deiras do dhoille na feola, Bu choireach mo cheoil a phasgadh, B’ fhilleanda ruibhaid a bheoil-sa, Gun d’ rinneadh a lonn a chasg dheth, Dh’fhilleadh na fillidhnan bronach, Chuireadh an goisna’ air mo chasan, Theirig mo smealandachd sporsail, Soilleir mo chloimhteach air glasadh. Na cuireadh duine an geill dhomh, Gu robh mi gun cheill, gun aithne, Soilleir dha ’n fhear a ni leibhadh, Nach robh mo bheusan a’ mearachd; Theirinn na ’n d’thoruinn i ’r eigin, Gu ’m b’ airaidh mo cheum a leantuin, ’S dalladh air fear a rinn eis dhi, Mar dean iad fgeula dheth ’m barrail. [TD 83] Cha dheann mi tuileadh dheth cunntas, Ma ’n canthair gur h-iudh i ’m barrachd, Soghraidh mo thruima, ’s mo churam, Do ’n fhear a lubas mar bhean i, Na bheir a sealladh mo shuil i, Gu ’n d’theid an uir a chuir far rium, ’S eallach air anam ri chunntas, Earas mo luiths a bhi mar ris. LUINNEAG AIR GAOL, AIR FONN Cha’n iongnadh na gillean, na gillean, na gillean, Cha’n iongnadh na gillean, bhi sireadh do phog, Cha’n iongnadh na gillean, gruaidh dhearg mar an t-shirisd, ’S am beul tha cho millis ri billaibh nan Ros. SI m’ ailegan uasal, nighean og a chuil dh’uallaich, Ghabh mi beachd air do ghluasaid, gle luath ’s mi ro og, ’S an gaoil thug mi beag dhuit, cha chaoichail e ’m feasd’ ’S e cinntin gun teagaibh na’s treisa gach lo, Cha iongnadh na gillean, &c. Cha d’theid dearmad na diachoin, eidar mise ’s mo chiad ghradh, Tha mo mheanma air a lianadh le iamhaidh cho mor, [TD 84] Tha mo chriodh air a thoilladh le mac saimhail a h-eugaisg ’S bidh dealbh taitneach mo ghaoil na mo smaointin ri ’m bheo. Cha’n iongnadh na gillean, &c. Ach ’s e ghoid uam mo shlainnte, ’n uair a ni u fiamh gaire, ’S na copain a tearnadh o ghruaidh ailuinn na Ros; As na cuairteagan beag ud, tha gach suairceas a beadradh, ’S iad le innleachd an cleasaibh, a talaidh ceist na fear og. Cha’n iongnadh na gillean, &c. ’N uair dh’fholuicheas na billaibh, tha cho dearg ri bhermilleoin, Nochdidh deud-geal na fhinadh, an caraibh innealt gun stoir, ’S cura’ h-annail nan t-aileadh, thig thar ubhlan a gharaidh, ’S bu leasachadh slainnte, suidhe lamh ris an oigh. Cha’n iongnadh na gillean, &c. ’S caismeach, eibhin na m’ chluasain, bhi ’g eisdeachd an uair sin, Ris an fhacal is suaraich, thig o ghluasaid a beoil, Ach mo thogais i luinneag, theid mo shòlas a cuimaisg, ’S diachain m’inntin a cunthard mo chumail o neoil. Cha’n iongnadh na gillean, &c. Ach cùm dearsadh do shuil uam, san aileachd ga m’ chiuradh Na amhairc an taobhsa ’s na urich dhomh bron, [TD 85] S iad do ghathain a dhruith orm, o’n da reul tha na d’ thurladh, Thromaich smachd air mo dhiulain, smaointuin bruite fu’ leoin. Cha’n iongnadh na gillean, &c. Ach ga piantail a staidsa, dh’aindeoin riasladh tha tlachd ann, Leam is bliadhna gach seachdain, gu’n tachair mi d’ choir, Tha mo shlainnte agus m’ eislain na do lamhan le cheile, ’S tha’n t-ordadh cho re dhuit, mi dhol eug na bi beo. Cha’n iongnadh na gillean, &c. ORAN DO ’N TOMBACA. MOCH sa mhaduin ’s mi ’g eiridh, Cha ’n eil m’ aigneadh ach eisleinach trom, Tha mo naduir a streup rium, Agus m’ inntin a’ reir os-achionn, Thug e corruich air m’ eugaisg, Cha’n eil coltas na faoilt air mo ghreann, O na dh’fhalbh mo chuis shugraidh, A fear a bh’ agam sa’n spliucan air chall. Chuir mi cul ga mo dheoin ris, Thug suid leigadh ro mhor as mo bheachd, [TD 86] Gur e laithduich mo sholais, Chuir e cus dheth mo ghloir as a tlachd; Cha’n fhaic mi nith a ni mo chordadh, Cha’n eil aon duine coir na mo theachd, ’S tha mo bhean ann an gruaim rium, Mar gach cuis a tighin tuadhal ma seach. B’e mo thoiseach air aicheadh, ’N uair a chuireadh an airdid a phrios, A fear a meaduich a chusmain, Rinn e diteadh a chuispeir a chuim, ’S iomadh fear a pha ’n deigh air, A tha ’n diugh ann an eigin ga chaoidh, ’S e gun chothrum air fhuasgladh, O na chuir iad a luach air da-fhild. ’S mi thug freatach gnn bhuaidh ris, Dh’fhag e ’n easlainnte buan dha mo chreibh, Cha’n eil leigheas san tir dhomh, Gus an cuir mi mo thiom as mo dheigh, Chuir mi mias na mo chumhnant, Cha deichd faidid na h-uine ann am pein, ’S a fear a leanais ma shamhladh, ’S mor bhios aige do dh’antlachd ris fein. Far ’m bi comun maith criodhail, ’S iad a seanchas ’s a bruidhinn mu’n bhord, [TD 87] Bheirte lamh air a spliucan, O’n fhear bhidh e luibhte na phochd, Chuirte tiomchiol ma’n cuairt e, Dha gach fear ga’m bidh luaidh air a sheors’, ’S cha bhi cairdeas gun sloinnadh, O shiol Aidh’, ma’n teirig an ròp. ’S iomadh bodach, is cailleach, Eidair Ross, Inbhirgharradh, is Irsd, Bhios a crathadh na scroigaig, Ga sguabadh, ’s ga sgolladh le uisg’, ’N uair a chailleas i bolladh, Cha d’theid lamh a chuir oirra cho tric, I na sineadh air falchoir, I fein, ’s a ceann-fhairgean, ’s a th’it. ’S iomadh buchdas is spliucain, Tha na sineadh a smuireach sa’n slochd, Air dhroch thasgaidh, gun churam, Gun neach dha bheil diu dheth na toirt; A fear a chuireadh gu feum iad, Cha d’thig e feil duine bochd, ’S biaidh e nios aig na h-uaislein, O ’s iad sein a bheir duais air a th’son. [TD 88] ORAN DO GHUNNA, DHA’M B’AINM AN SPAINTEACH. GUR i bean mo ghaoil a Spainteach, A ghle mo naire dhomh ’s mi m’aonar, O tharladh dhomh bhi na m’ eigin, ’S mi chuideachd ort fein san aonach, Ni mise dicheal mo ’s ail leat, An teannadh reith riut mo dheudais, ’S deansa gniomh cho maith sa b’ abhaist, ’S cha ’n iar mi gu brath do chaochladh. Tfheirig-sa ma ’n cul gu h-eolach, ’S na bi deonach air am fuadach, Sir a ghaoith is roinn an tallamh, ’S thig neo-aineolach ma’n cuairt dhoibh, Luidh gu h-eolach air an t-socair, Leig ort iad ma ’n cuir u suas mi, ’Smeid a choraig, ’s caog an t-suil orr’ ’S bheir mise umhl’ air fear an nualan. Beannachd dhuit air-son do gheallaidh, ’S mor mo thomaid dheth do sheanchais, Gur a tu mo leanain follaich, Ann sa ghleanan am bi farabhas; [TD 89] Ghleidh mi reith air feachd an Riogh u, ’N uar a thog iad cios an Alaba, ’S t-aultrom o’n uair sin gu muirneach, ’S ann an diugh tha ’n cliu ri dhearbhadh. Ciod e ’n cliu a bhidh tu ’g iaruidh, Nach faigh u ma ’s fhiach e thoibh’rt, Gur comha leam ceirr na ceann dhiu, Dean-sa meall dhiu chuir ma’m chomhair, So a chrè a bheil na dh’fhodhnas, Beag na mor ga ’n cuir u romham, Cha bhi aon dhiu slàn gun doruinn, Ge d’ chuiradh tu cuig dhiu coimhard. Shuidhich mi beul air an t-shocair, ’S cha b’ i sin mo dhosgain anamoch, Thanig mac na sonn roimh dosain, ’S e gun fiamh a focair garbhluich, Mur fhasadh leam breug na firinn, Air m’ fhocal cinnteach cha d’fhalbh e, ’N uair an las a fudar cluaise ’S gann dha gu ’n cual’ e na mharbh e. Bha mi sin gu sceannach, riathach, Engach, ialach, fiadhach, fuilleach, Maragach, toiteanach, feoilar, Gu stibligeach, ordail, iomair, [TD 90] Gu gruanach, birreach, stiogach, ’S e fada dh’fharichde gaoith mo theine, ’S e cuid bu mho dheth m’iomagain, Gu ma phailte cuirm na gillin. Bha mi treis a sin na m’ aonar, ’S mi ri smuaintin air a mhanran, Mar tha sean-fhocal ’g innse ’S mo chleachaidhin fhein ga aigheadh; Their iad ’n uair bhios fear na bhantreach, Nach faigh e samhla’ na dh’fhag e, ’S mise thuibh’rt gu robh iad breugach, ’S tha mi ’n so an deis a radhtin. Tha mi ’n so an deis a radhtin, An deis gach cleamhneas fhuar mi threigsin, Shiubhail mi machthir is Gauldachd, Aig iaraidh samhla mo cheile, Cha robh i cho fad ’s ga ’n d’fhalbh mi, ’N Alaba, na Sasghain, na’n Eirinn, Gus an d’fhuair mi ann sa Spainte i, Gu ma slan dha m’ athair ceile. Gu ma slan dha m’ athair ceile, Thug dhomh ’s mi na m’ eigin leainan, Leis a siubhlinn beann is eudain, ’S leis nach biodh mac h-eilde fallain; [TD 91] Gur a tric a tholl mi bian leat, O ’s tu mo cheud leainan follich, ’S ma bhios mi beo leath cuig bliadhna, Dh’fhaodadh nach bi ’n fhialeachd fallamh. Buaidh is piseach, pailteas, buanachd, Air an laimh o’n d’fhuair mi Spainteach, ’N uair a bha mi air mo bhuaireadh, An duil nach faighinn luach na dh’fhag mi, Cheangail mi riut snaimh gun fhuasgladh, Air a chiad diluan dheth ’n reithe, ’S ge bu taitneach cleamhneas Rhuairi, ’S teann gur e na fhuair mi ’s taire. ORAN DO ’N ACRAIS. FHIR tha dol rathaid, ’S tha gabhail gu na duchadh bhuain, Mo shoghraidh gu mochairdean, Agus partich sin ga ’n ionsuidh bhuam, Is innis dhoibh mar tha mi; Ann sa cheaird a rinn mi iunnseachadh, Gu sniomhain rud nach peairdadh tè Le cairdaidh air a gluin aice. [TD 92] Tha feoidhain ann a chreideas e, ’S cuid eile nach cuir diu dhiu ann, A shoaileas gur a ranntachd e, ’S nach b’ aithne dhomh sin iunnseachadh; Ach na bidh iad lamh rium, Sheallain fhein dhoibh pairt dheth m’ ionnsramaid, Rinn iomadach fear statoil, Na ’m biodh gnaths aca ri cunadh rud. Na ’m faiceadh sibh na sniomhdarain, ’Slionmhor ann san duthaichs iad, Tha iad smearoil, misneachdail, ’S gur miosara na’n giulan iad, Is eireachdail na daoine iad, ’N uair theid an eudeach cuthnaidh orra, Chitir la a straideadh iad, Cho statoil ris na Diuceanan. An àm tighinn a mach didonuich dhoibh, Gur sporsail an àm gluasaid iad, Biaidh bucail ùr na’m brogain, Air neo cordeachain nan cluaiseanan, Bidh cota fada Sasghaineach, Air fasain na daoin uaisle orra, ’S brigais ghrinn ga spalpadh orra, Seachaid air an cruacheanan. [TD 93] ’S iad chuir uidh ’sna fasainan, Tha cleachdadh achd air ualeachais, Cha ’n fhaicir an droch caisaird iad, Le brogain baltach ’s cuaig orra; Tha h-uile ni cho pailt’ aca, Cha ’n eil glacadh aig a chruadal orra, ’S mor an adhbhar tlachda’, Cha bhi ’n t-acrais orra bruachaireachd. Gur h-eolach air an acrais mi, Tha theachdaireachd neo-inntineach, Gur tric a thug e turaig orm, An uiraidh roimh àm deineareach; A fear a bhios na dhraireadh, Neo-adhbhardach, mi-inndrigeach, Cho luath sa dheoibh e eolais air, Cha deonach leis a chuibhteachadh. Thug e na h-ochd seachdainan, Air fasdadh na mo theaghlach-sa, Dh’fheuch e ri mo sporan, Fhuair e cothrom maith air aobhachadh, Thug e gach ni b’ uirin duine, A bhuilleachadh dheth ’n t-saoighail dhiom, Cha b’ mhor nach d’ thug e bàs dhomh, Ach gu ’n d’ag e na mo Roinail mi. [TD 94] Cha’n eol dhomh fear do bhiutheas, Ann sa h-uile cuis a dh’innsin ort, Gu fag u air beag luiths, A fear bhios tu dluth ma’n mhias aige, ’S iomadh duine giuleanta, Dha ’n dh’ ionnsuich u droch innleachdain, ’S gu ’n cailleadh fear a naire, Dol air sgath na tiochdantire thugad. ’S eoil dhomh cuid dheth d’ chleachdaidhean, Bidh fasainan ro mhithoir agad, ’S tric a bhidh tu ’s deithir ort, A dol a dh’fheithaibh mhireanan, ’N uair thigeadh tu sa’n fheasgair, Cha b’fhear greisaid u air sior-obair, ’S gur iomadh oigfhear beadairach, A rinn do chleasain cillag dheth. ’S corrail an am gluasaid thu, Cha dualach dhuit bhidh siobhailta, Cha ’n fhaicear fiamh duin’ uasail ort, A latha fuar na th’ìde mhaith, ’N uair theanadh tu ri mianeanaich, Bu diachaineach air chiothailean u, Sa rì gur h-iomadh sgiabadh, Thug u air mo bheul nan innsin e. [TD 95] Tha u a’d chreudair aimleisgeach, Cha seirbhiseach ro dhileas u, Bidh tu measg do chairdean, Ann sa h-uile aite am bi bheag dhiu, Tha u breugach, brosgailach, Gu coisnadh rud a dhilleas tu, ’S tric leat bhi na d’ choiteir, Aig a chosanach mhi-dhichaileach. Tha mi ’n duil gun theich u bhuam, A bhleidain ’s dearbh bu tiom dhuit sin, ’S tric a thug u treis agam, ’S bu leisg do dhol an ìre dhomh, Cha’n fhaicde ball sa’n gheamhraidh dhiot, Cha b’ e sin am do shinnsireachd, Ach ruigadh tu mi ’n ’s t-saimhreadh, O’s e uair bu ghann mo libhrigeadh. Mo bheanneachd na bhontado, O’s e ghrainaich bhuam an ciad uair u, Cho luath sa thug mi dhathigh e, Cha ’n fhacais bad a bhliadhn’ ud dheth; Mo sguir u dheth mo thaghbhail, Gur e sin mo raobha’ iaradais, Mo mhallachd na do dheighe, ’S math chobhair leam gun thriall u bhuam, [TD 96] ORAN MOLLAIDH A BHONTADO. LE DOMHNUL MACLEOID. CUIREAM m’ aithne agus m’iul ort, Fhir is dluth thig ma’n teine, ’N uair is giorra gach cùrsa, Bidh an t-suil aig gach duin’ ort, Theid gach bean air a glùn dhuit, Gus an dumhlaich u chuille, Cha bhi gean air an turlaich, Gus an ruisgeir do chullaidh, Cha ’n eil fear a chuir uir ort, Nach robh dhureachd fui’ t-fhilladh, Chuireadh sgill air do ghiulan, Thig u ’n uiraid o d’ sheanaid, Ge do th’silleadh an driuchd ort, Bhidh do luthraichin tiorram, ’S ann a th’sireadh a bhuirn dhuit, Dheoibhte sunnt air a ghille. Theid an tollach ’s na cuilein, ’N uair a spuileir do thoradh, [TD 97] Cha bhi smal air a bhurleasg, Theid an dusail as aire, Cha bhi gainne air a phuige, Gus an dùn air an Earrach, Cha d’thoir ainnis do chuis dhiot, O nach diumadh do leannan. Cha d’ thig allaban dluth dhuit, Ma bhios lùs ann am beanneachd, Bheir u cainneas dha ’n umpidh, Bhios a bhruth air mar eallach, Mar dean aran a chuis dha, Cha bhi lub air a stamaig, Nach d’thoir t-fhalas gu dumh’laid, Ann a smuidean o bhanneas. Ga do gheibh u do phluitadh, Cha bhi muig air do mhallidh, Cha ’n e ’n gearain do dhuchas, Tha u siubh’lach dha ’n allamh; Fhir a th’sallach na sguirdean, A chuireadh suird air an teallaich, ’S iomadh teang’ agus culaig, Ma na dh’uiraich u calluinn. Cha bhi carraid, na caoinadh, Air a sgoiltich dha mair u, [TD 98] ’N uair dh’aillicheas teudain, Cha bhi braoisg air an aire; Bheir u streammadh na h-aoise, Thar an eudain a fan u, ’S bheir u faileas na faoilte, A h-uile taobh air an gabh u. ’S ioma’ cailleach thug gradh dhuit, Ge do thàraich u ’n drannaig ’S ioma’ buile gun fhabhar, Thug u mhearlach na fainnaig, Cha b’ e buinnig na masan, Mar a taradh iad d’fhallach, Fad sa chuiradh an dearna, Fullung annradh do mheallaidh. Thanuig urram gun uadhmhor, Air do shuaicheantas meallach, Cha bhi mollachd ma’n cuairt dhuit, Cha’n eil bruailean a’d bharroil, ’N uair a sgiolas na gruaidhean, Air am buadhaich an ainnis, Theid an tilleadh o’n uaigh leat, Ann a snuadhachadh glainaid. Theid u bhroilleach nan uaislean, ’S bidh tu luath cho’ na sgallag, [TD 99] Thig u ’n goire na tuathadh, Eidair, chuant’ agus phealach, Theid u thalla nan truadhean, Eidair ghruamach a’s gheanoil, ’S leat an gealladh o’n dualchas, Air nach d’ fhuaradh an sgannal. Fhir ma’n guileadh na paistean, ’N uair a dh’fhagadh tu sealladh, Mar a tuinicheadh barr ort, Bhitheadh an lamh air an annart, ’S tric a thilleadh am bàs leat, O na malaidean fallamh, Ga do spioladh e chair dhiu, Bheiradh taileadh a’ nimh as. Beannachd leannaibh, a’s mhathairaibh, Air an aileasach th’sochdair, Chuireadh gairradh a’s cairdeas, Eidair clair agus poitean, Thar am b’fhosgaireach gaire, ’N uair a smaladh tu bhochdin, Thainig forsdan an aigh ort, Ni u àrach, is Doctair. Cha bhi coigreach a’ d’ fhardoich, Ann an aileadh na mosaich, [TD 100] Cha’n e ochan! do chanan, Tha do lamh air a fosgladh; Cha b’ u coltas do nabaidh, Ann an slanachadh lotean, Mar tha ’m brochan gun taileasg, A chumas brath’roil a ghorsda’. ORAN Do dh’ Each Oag lag, air dha bhi na leanabh altrum aig Gille Soghbhail. AIR FONN—Cabbar Feigh. ANIOS o tha mi m’ aonar, ’S gun aon duine cuidir rium, Gur teann nach seinn mi ceol, Air an oag alir iongataich, ’N uair bheir mi ’mach a’ stapla’ u, ’S a chaireas mi pillean ort, ’S leat uthram reis na Galltachd, ’S le ceann srian cha tillir u; Tha iomaird chas agad ma seach, Nach eil aig each a Minginish; A h-uile ceum, a’ d’ ruith, ’s a’ d’ leum, Mar th’siubhail feigh air firichean; [TD 101] Tha cumadh steud, o cheann gu cheil ort, ’S cluais mar eild’ air linichean, ’S tu moiseman na ’m bantiearn’, Gu dannsa na minabhiodh. Gur h-earachdail a dealbh, ’N uair tharuingear air ghrinneas e, Cha’n eil a h-aon an Alaba, Thig a dhearbhadh geall singe riut; Tha tagha dath nan calg ort, Mar òr dearg na geanuinean; ’S leat uthram eich gach feile, Mar h-eighear a bhireach riut; ’N uair bheir i deann, gu ’n cluinnear srann, Mar fhorrum bheann ri dealeanich; Gun sgios na buill, gun eislean cinn, Cho luath ri gaoith roimh bhealaichean; Cha ’n eil campa’ ’n tog i ’n ceann, Nach leitha’ geall na smearoilachd, Tha spiorad glan na h-inntin, Gu cruinn-leumach, Srannardach. Cha’n eil fui’ na ghrein, Each a leumas, na ruitheas riut; Gu marchduiche tu fairge, Nan garbh thonnean stritheanach; [TD 102] Mar tha do mhire, ’s d’ fhagail, Air fas ann an criodhaileas; Gu racheadh tu ’s na speurean, Cho treun ris na pidheidin; Gun ghlac u cleas, air bharr na speir, A dh’fhuachd, na theas, cha chiurear u; Le astair eutrom, baisgoil, steudoil, Faichdoil, feuchdand’, fireachoil; O ghlac u speirid na do chreth, Mar ealt’ na sgethaibh iteagaich, ’S co maith leat poull ri cruaidhlach, ’S do luaths’ cha’n eil bristeadh air. ’N uair chluineas na daoin’ uaisle, Gach buaidh th’air a chapul ud; Cha leig iad as an inntin i, Chaoidh aig am faic iad i; ’N uair thig iad air a sailaibh, ’S a thàreas iad beachd oirra; Gach fear is mò soibhreas, A foigneachd an creichdair i; Na leigt’ air falbh i, airson airgiod, Cha bhidh tairgse nasgaidh dhi; Cha b’ e na b’fhiach i bhean a meudeachd, Ach a gniomh sa taitneachdain; ’S mor an cliu’ chuir i air duthaich, Each a dh’ ionnsaich exercise, [TD 103] ’S nach fac’ i car ga deanabh dhi, Riamh air na bheachdaich i. COMHAIRLE DO DH’ OG MHAIGHDEANAN, OR THE YOUNG VIRGINS’ ADVICE. AIR—“The Rock and the wee puckle Tow.” YE bonny young Virgins, ge sgiobalt nar ceum, Be careful gu’n treig sibh, an fheil so gun dail, For though ye be handsome, ’s ge meachar nar beul, ’S fior nonsense gun cheil, mar reitich sibh trath; For old age is a beist ’s bidh gach gne choire dhi, Cuir dium-buagh air a snuadh cha bhi uar loinneal di, Therefore don’t tarry ach marry gu luath, ’S biodh Caileanan truagh dol am buar mar is ail. For beauty is fading gun stad ach air sge, Mar aiteal do’n ghrein an eudain gach aird; And though you have riches, gur tubaist gun cheil, Mar tuig sibh nar feum air an fheil so na thrath; When you want you’ll repent, but they sha’nt marry you, Their gach bean tha i sean, ’s cha d’thoir fear aire dhi; Bidh sibhse gu dubhach ri cumhadh ’s ri caoi’, ’S bidh liun-duth fui’-thuin a chaoidh ga nar cramh. [TD 104] Nach cuis grain agus mi-thoirt seann nighean gun sgiamh, Na briogaid gun mhiadh, ’s nach iarar a pog, Bidh h-aodan air cassadh, bidh falt air fas liath, Bidh cam-char na beul ’s bidh fiar-char na sron; Though she whine and repine, cha bhi loin tuilidh dhi, Not a kiss a gheibh ise, she’ll be meas cummanta; Gun cheile, gun leanan, gun tealach, gun tuar, Na seasg-chailach thruagh, fo smuaran ’s fo bhron. The Lily the fairest by far of the flowers, Ge mutail a mhuirn cha mhar e ach gear; And the beautiful Rose of most glorious hue, Tha shnuagh dol a mugh’ seach bruthain na Maidh; Sud mar ’s nos do gach oigh, tha gach lo seanachadh Gus an caill iad an geall, ’s nach e ’n t-am teannadh riu, ’N uair threigeas a maise sa sguireas an loinn, Bhi ’g achdan a chaoidh nach d’ rinn iad e trath. ORAN DO SHIR IAN MACPHERSON, Le Mrs. Madsair Macleoid, ann an Steinn. CHUINIG mis ann am chodail, A chraobh uirail bu taitnaich, Sa duilleach cuir faiscaidh air cheudean. Chuinig mis, &c. [TD 105] As na friamhaichean sughmhor, A ghinneadh o thùs i, Gur a brithoir an uir as na dh’eirich. As na, &c. ’S truagh ma’n tuiteadh a chraobh so, Le faluingidh aoise, Gun a h-oageanan maoth a bhi streup ri. Gur e an t-Ian mor aluin, Sud a chraobh tha mi ’g radhtin, ’S e mo dhuthrachdsa blath bhi na dheigh ort. ’S truagh nach digeadh tu ’n taobhsa, Thogail smal thar gach aodain, Mar bhlaths an deis faoilichean geura. Cha b’e sud a ghrian dhuthde, ’S na frasain ga duibhradh, ’S ann bu shoileir i dhuinne bho dh’eirich. Tha u iriosail, baighail, Tha u miosail air chairdean, Gun dh’fhiosraich u an t-ardan tha feumail. [TD 106] Cha bhi’t a frithealadh fathain, Air do lionadh ’s do thraghadh, Cha’n eil direadh, is tearnadh na d’ bheusaibh. Cha chuala mi d’ agheadh, A bha riamh ann sa chearnsa, Mo chreach thug am bas leis Sir Seumas. ’S trom na tuiltean sa dhoirt oirn, An àm mullaich ar sòlais, Tha air lotean an comhnuidh ga reubadh. Na’m bidh agad-sa fearthuin, Cha bhitheadh mo phaistean gun bhainne, ’S cha chuinnte cho gainne dheth spreigh dhomh. So mo bheannachd gu buan dhuit, Mar a thoilleadh do ghluasad, ’S gu robh Aingil do chuartach mar sge dhuit. [TD 107] MARBHRANN DO CHAIPTEAN ALASTAIR MACLEOID, ANN A BHATTUIN. LE DOMHNUL MACLEOID. AIR FONN--Oran na Ceapuich. SO an Geamhradh is cianail, Chuncas riamh le mo shuil, Dh’fhag ar lathraichean sguaibte, ’S a chuir fuadach fui’ ’r muirn; Thug e buille ro chruaidh dhuinn, Dh’fhag e fuar sinn, is ruisgte, O’n la thogadh an t-uasal, Choisin buaidh le deagh chliu. ’S cruaidh an sgeul a measg dhaoine, An cearnard saoighailt’ a tho’irt uath, Thainig smal agus aobhachd, Air an taobhs’ o’n droch uair; Thanig cuireadh ga d’ iaruidh, ’S cha b’ann gu pian na droch dhuais, ’S bha dorsaibh fhlaitheanais fial dhuit, Fhir bu chiataiche snuadh. Dh’fhag thu Bhatuin neo-shurdail, ’S mor a thursa dha’n t-shluagh, [TD 108] An teaghlach farramach, muirneach, Sgapteach, cliuteach, glan, suairc; ’N teaghlach alloil gun churam, A chuir cul ri bhi cruaidh, Thainig muir air gun stiureadh, Mheudaich tursa dha thuath. Tha do cheile ’n cruaidh smuantean, ’S gur beag m’ ionadh ga chionn, ’N deigh an aileagain phrisail, Mhiosail, fhior-ghlan, gun smur; Ge b’ i Bann-righ Righ Deorsa, Gheibheadh coir air bho thus, B’e leir-chreach, sa cruaidh chradh, Bhi ga charadh fuidh ’n uir. Fear a mhodha sa ghiulain, Fear a thurn agus fheum, A tho’irt an cisde chaoil, dhuinte, Mach a sheomar glan fein, Sa chuir fuidh lic ann an Aibhnoirt, Mun ro’ ’n t-oighre air-son feum, Dh’fhag thu eachdraidh aig linnibh, Bhios air chuimhne na d’ dheigh. Chaidh thu ’d Chaiptean na h-Innsean, ’N uir bha ’n t-strith ann na meud, [TD 109] Cha rohh cron ort ri innse ann, Mur a b’eutrom do cheum, A dh’ionsaidh aghaidh na Blairaibh, Far ’m bu ghnath leat bhi treun, Bu tu lasair ri d’ namhaid, ’N uair tharruingte lann gheur. ’N am bhi gluasad o’d champa, Chluinnte srannraich ri d’ chrainn, Aig do bhrataichean shroillibh, Le bras chronan ri gaoith, Mar ri piob na’m port siubhlach, ’S Drumma chruaidh le surd dian Bhiodh mar shuathcheantas airm leat, Ceann an Tairbh o’s do chionn. Thigeadh osain lom meanbh-bhreac, Air do chalpa geal, cruinn, Agus eileadh grinn cuaiche, Ma’n cuairt os a chionn, ’S boineid dhaor air dheagh charaidh, Le cuid fabhur o’n Righ, ’S lisean òr air lom scarlaid, ’S petag shar-mhath, ghlan-ghrinn. Bhiodh bhur criosean ri d’ chruachan, Lannan cruaidh an am strith, [TD 110] Cuinnseir caol an neoil uaine, ’S claidheamh cuanda an òr-chinn; Agus sgiath nam ball dualach, Ri do ghualin neo-chrion, ’S piosteil bhreac nam ball airgiod, Ri do gheala’ bhrollach fine. ’N uair a bhiodh tu fuidh sgeimh sin, Romh ghrundan treun dheth na suinn, Cha b’e faicinn na feileadh, Dhol ad dheigh ga’n to’irt dhiot; ’N uair nochda Colours na h-Albain, Le d’ chruaidh, chalm-fhacal grinn, Bheirte crith leat air Rebel, Nach robh geileadh dha’n Righ. A ghraine mullaich nan uaislean, Ort bu shuarach neo-speis, Bha thu maighdeanail suairce, A reula bhuadhmhor gun gheimh; Cha do smuainich thu truailuidheachd, S’ cha do ghluais gu droch leum, O bha spiorad na Diadheachd, A cuir riaghladh na d’ chre. Mile marbhaisg do’n eug, A Thug a leum air ar ceann, [TD 111] Nach do ghabh e le soibhreas, Na le oighreachd neo-ghann; Mun do lub a chraobh sholais, Bha ga’r comhnadh ’s gach am, Bhris e ranca nan Leoidach, Agus stòr nam bochd fann. Th’fhuair thu gibht’ oscionn morain, Foghlam coir air gach cainnt, Agus inntin neo-bhosdail, Ge d’ bha moran gu d’ laimh, Cha robh uadhmhor na ardan, A gabhail tamha na d’ cheann, O bha meas oscion chaich ort, Ghlac am bas thu air laimh. Gu robh buaidh agus riaghladh, Agus ciall, agus cliu, Do na paisteachan sgiamhach, A dh’fhag thu ’n deachuin gun sunnt, Gu robh misneachd is cruadal, A togail suas dhoibh ’s gach am, Mar a mhuintir o’n bhuain iad, A bha gun uadhmhor gun sgraing. Deanaibh misneachd is cruadal, Mar bu dual dhuibh ’s gach ceum, [TD 112] Ge d’ tha bhuille so cruaidh libh, Gheibh sibh fuasgladh na deigh; Sruthaidh feartain anuas dhuibh, ’S bheir sibh buaidh air gach crè, A shliochd an Alistair uasail, Bu ghlan snuadh ’s bu mhaith beus. CUMHA DO THEAGHLACH OIS, Air dhoibh coignar Bhantighearnan a chall, maille ri mac dha ’n goirte seothag na h-ealtuin, na’m bidh aireamh a lathean na bu phailte. Le Domhnul Macleoid. AN am dusgadh le gal dhomh, Bheir mi iunsaidh gun mhaille, Gu’n d’theid cunntais mo ghaillir, Gu na duth’chanan ain-iul, Gu bheil crunadh mo challa’ air a dhealbh. Gu bheil crunadh, &c. O’n is gnaths’ dhomh bhi ’g ealluin, Bheir an cradh gu mo theangaidh, Mar a thàrais mi aithris, Ma na phlàsd’ chaidh mar rium, ’S mise dh’fhagadh lòm fallamh le’r falbh. ’S mise dh’fhagadh, &c. [TD 113] Chaidh an aireamh bu ghlainne, Bh’ann an dearsadh gach seallaidh, Ann an caradh fui’n tallabh, Thug an trath sin a ghaillin, Air na tharmich sa’n fhearain na’r lorg. Air na tharmich, &c. ’N uair a bharcadh muir oirn, Thanig aileadh na tuiladh, O airdead a mhuinaidh, Gu larach na lunnean, O àilean gu iomal na’n garbh. Thainig sguabadh an tein’ oirn’, Th’ar an d’fhuar sinn ar bireadh, Chuireadh Ruari na gilleadh, Ite guaileadh a chinneadh, Ann an fuarachd a filleadh na marbh. Mar h-i ’n luathaidh rinn rathaid, Cha ro’ buaidh aig mac mnatha, Air do bhuanachd le claidheamh, Fhir a b’ uadhmoraich amharc, Le ro’ sluagh ann an aighir a falbh. Chuireadh ceannard nan cathean, Urra dh’aunluig a matheas, [TD 114] Cuiraidh ceannsgeulach, flathail, Cuile lann nan deann ratha, Ann an campaibh ASSAYE na bhalbh. ’N uair a dhunadh do shealadh, Thainig iumpachadh gallach, Ann an luths na bha mar riut, Gu’n ro’ an uthdair gun annail, Caisteil iuntais nan Gearaistean arm. Ga bu bhainte do chainneas, Cha bhitheadh cuimhneachain falan, Aig na dh’fhoilsichadh t-an-iochd, Ann an guid’eachd do lannan, Cha bu trionseirain falla’ an sealg. Ach na tharladh fui’n gearadh, Ann an rànachadh calla’, Cha bhitheadh slanachadh smeara’, Thar an taruingeadh tu ’n dealan, Gus an d’thainig a farachadh balbh. Ga do b’ oag u bha d’iomar, Ann an foghlam gach urram, Cha bu shòlasach Luinin, ’S gu’n ro’ an coirichean uile, Mar a dh’ordaichadh t-iunoil do dhealbh. [TD 115] ’S ann tha cuimhreach an t-shillidh, Ma na mhnaoidh dha’m bu ghin u, Chaidh a lainteirin mire, Mar nach b’oineach na chinneadh, Ann an deirin a dingeadh nan dealg. Thug na h-aileigain uile, Muir an làn air gach mullach, Cha ro’ garadh fui’ dhuilich, Nach eil fàs ag an duileasg, Bhuilich anradh nan cinneach na’r sealbh. Cha’n eil di-chuimhn’ air tuireadh, O na sgeulaich a milleadh, Air na dh’fheuchadh ar tilleadh, Cha b’i ’n diabhail gun deirabh, A rinn an diareasach coireach a shealg. Cha ro’ dhìlib, na dh’ulaidh, Eidair criochean ar fuirich, Ach an didein gun chunnthard, Dha’n ro’ Criosda mar urras, Gu na bhianaich e ’n cuireadh gu sealbh. Tha na teudain an giorrad, Chaidh an gleusadh dha’n spiorad, [TD 116] Cha ro’ dh’fheum ann do dhuine, Nach ro’ leiradh air fhilladh, Thainig deiladh air milladh gu searbh. ’N uair a shroichdadh an t-uinein, Chaidh na seomraichean soilleir, Ann an ordan gun soilein, Thug an ceol iad gu doille, Thog an seoiladfhear foileil an lorg. Ach a Thi rinn am buinnig, Thig a mhìneachadh t-fhurain, Ann an dìsleachd dha’n urra, Chuinig crioch air a mhullad, O’n tha dìlin air grunnadh na earbs’. Tha mo dhochas na d’fhulung, O chaidh Ose a chuir iumain, Ann an codach ar muin’ghin, Nach d’ thig toireachd na cuireadh, Air an oagan dha ’n cruinnich fuil bhorb. O chaidh eolas nan Eillain, Ann san chòta chaidh leth ris, Ann an foghlum sa’n eilan, Gun robh còr air na their mi, A cuir shòlais nach teirig ma ainm. [TD 117] AISLUING—LE MNAOIDH OAG, AIR STAID AN ANAM. ’S OLC an saibhir sanntach, Nach leir dha fein ranntaibh, ’N uair theid an ceangail teann air, An àm a chuir fui’ n lic. ’S olc an saibhir, &c. An àm a chuir sa charnich, Gur bochd a lùs sa thabhachd, O! Righ nan gràsain, Dean usa fabhair ris. An àm a chuir, &c. ’N uair theid an t-shuil a dhunadh, Sa leabaidh chaoil nach diult sin, O! b’ fhearr nach beirt’ o thùs sinn, ’N uair bhios ar cunntas ris. Ar cunntas mor na fhianais, ’S e suid a dh’fhagas shios sinn, Na’r fidhichean gu sioruith, B’e sin an iamhaigh dhuth. [TD 118] B’e sin an iamhaigh ghranda, Gun earachdas gun aileachd, O! Righ na’n gràsan, Dean usa fabhair ris. Dean cuireantas is coimhneas, Dha’n anam nach do thoill e, A Dhe sa Righ na soilse, Ga’r daingneachuine riut. Ifrinn shearbh le fuarachd, B’e sin an t-aite duanaidh, A Thi a rinn ar fuasgladh, A chunbhail bh’uain’ an uilc. ’S mor a fhuair ar Slanui’fhear, Ga’r saoradh bho ar namhad, ’S e ’n duais a thug sinn dhasan, Bhi crabhadh ma ar cuid. Gun smuantin air do chruadal, ’S fras falla’ air do ghruaidhean, ’S na Huich a dol ma’n cuairt dhuit, Le criodhe cruaidh gun iochd. Tfhuil a falbh na h-aultean, Is tairnean ann ’s gach lamh dhiot, [TD 119] O ’s truagh an tuigse bh’ionnta, Ann an àm bhi ga’n cuir. Nach do sheall na t-aodain, Bu Athair sluagh an t-saoghail, Na dh’fhalbh, ’s na thig a dhaoine, Tha fiamh an aogaisg riut. Luchd na saigh’dean cealgach, Ga d’ iaraidh le ’n cuid armaibh, ’S do mhathair fein a falbh leat, Aig iaruith tearmaid dhuit. A rusgadh air do sleisnean, ’S do chom ga tho’irt o cheile, A giulan a Chruinn-cheusaidh, Do ghuailean treun ga’n cuir. Dh’orduich iad le ain-neart, Nach eiradh tu ga’n ain-toil, Gu faighaidh iad an t-àm, Air do cheannsachadh gu goirt. Ghabh iad ceud a dh’airgiod, Air-son u fein a mharbhadh, ’S tha aithreachas cho dearbha, ’S tha’n anamain ann sa mhuir. [TD 120] ORAN DO MRS. MACRAE, ANN A BHATERSTOINE. LE DOMHNUL MACLEOID. O THA labhradh na m’ cheann, Tha mi ’n geall gu ’m bi pairt dheth, Ma’n rimhinn aluin, eibhinn, oag, Air a sheoladh gun bhosd, A leth comhruinn a h-aileachd, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; Nighean Uilleam Bheaton, O sge nan creag arda, Taghadh air an t-siolbhuin, A shioluich o Adha, Cha ’n fhaca’ gin a th’aodain, Nach aontaich dha’n dàn sa, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag. Cha bu neonach t-fhear posda, Bhi ’m bròn air-son t-fhagail, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag, Ge d’ bha coir aig Righ Deors’ air, ’S e deonach a thàrsinn, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; [TD 121] O bha e air a chrunadh, ’S na cuirtean a b’ airde, Sa bha e air a chunntas, Na phiunsain dha’n namhad, Cha b’urr’ e bhi ga’n di, O bha Riogheachd cho càsmhor, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag. Ge d’ ghluais e le cruadal, Gu buanachd na b’ail leis, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; Cha b’e fuathas an luathaidh, Chuir bruailean na nadair, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; Ach a thoil is inntin, A chuimhreach air t-aileachd, A dh’fhuilich air a chuimhne, Sa dh’ìntrich a chàsain, A thruimich air a phuincean, ’S a thill air a shlainnte, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag. Gur a finealta, prisail, An ire na dh’fhas u, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; [TD 122] Thug u Dido gu firinn, Dha d’ shinnsir romh ’n trath sa, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; ’S glan an duilleach sithe, A dhìrich an aird riut, A ruinnich u mar shioda, ’S a mhinich do nadair, A dh’urramaich san linn u, ’S thug faoigneachd do chach ort, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag. Gur reul ann sa treud thu, Air meud ’s ga ’m bi ’n aireamh, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; Ga do b’fheutanta Venus, Tha’n te ’s air a fagail, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; Ann sa h-uile ceutabh, Tha ceum aic air airdead, Thairis air na sleir dhomh, Na leubh mi sa Ghalic, Is buineideach do bheusain, O shèilich an t-àgh u, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag. Gur craobh u nach caochail, Le aois, na le airdead, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; [TD 123] Ni do shaorachadh sgaoladh, Nach saoil sinn an trath sa, Mo rimhinn aluiun, eihhinn, oag; Ga do ’s math a sgior’ sa, ’S na th’ innte do dh’airneis, Ullamh air do ghniomh, ’N uair a dh’iaras tu pairt dhiu, ’S beag e seach mo mhian dhuit, Ga riathraicht’ a tha u, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag. ’S geal do mheorain mar omair, A g’ òradh le snathaid, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; ’S binne ceol bh’uat na Orgain, An seomraichean arda, Mo rimhinn aluin, eibhinn oag; Uthram air gach bantighearna, A dhannsas air làr u, T-siunoil air do bhainteachd, Cha seall ann an sgathan, ’S cha d’ rugadh air a pheann, Ann an laimh, a bheir barr ort, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag. ’N uair thig eug a chuir deigh ort, Bidh euchd air a chearn-sa, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; [TD 124] Cha ’n eil ceum air an d’ theid u, Nach reitich do rath’din, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag; Cha d’thoir duine suil ort, Nach umhlich na d’fhabhar, Aithrishir do bhiugheas, Gu’n duisgear sa Bhrath sinn, O ’s Aingil ann an cuirt u, Le iunseachadh mathairal, Mo rimhinn aluin, eibhinn, oag. ORAN DO MHNOIDH UASAL ANN A GLEANNAGARRADH. AN ainnir a chunna’ mi’m chadal, Cha robh i agam ’n uair dhuisg mi, ’S e bhi smuaineachadh nach beo thu, A dh’fhag na deoir aig ruith o m’ shuilibh, Cha d’fhuair mi dhiot ach sealladh ruathair, ’S truagh nach ro’ ’m bruadair na b’fhaide, ’S gu faicin gach ni mu’n cuairt dhuit, Gun ghluasad o m’ shuain gu maduin. Dh’iathainn mo shuilean mar b’ abhaist, Ri amharc aileachd do phearsa, [TD 125] Urla sholuis is glan dearsadh, Choisinn cliu gach armuinn beachdail, Do mhuineal mar chanach sleibhe, Do dheud gle-gheal, ’s do bheul meachair, Do shlios mar fhiuran deas, dealbhach, ’S calbannan mar Alabaster. Aithnichear air an aitribh uasail, A bhuaidh a bhios fuaighte ris a tamhidh, Aithnichear air a choluin phrìseil, An t-anam am bi brigh is caileachd, Gu’n aithnicht’ orts’ o bha u ’d leannabh, Gu’m biodh tu gu bannail, baigheil, Gu’m biodh tu gu briathrach, sgialach, ’S gu biodh tu gu cialach, narach. Cha do mheall u iad na’m barail, Bu tu barrachd na’m ban aluinn, Bu tu Phenics, na’m ban feumail, Bu tu ’n eucog threubhach, stathmhor, Na d’ chomhairle gheibhte fuasgladh, ’N uair bhiodh tuarip air do chairdibh, Bha thu làn misnich is cruadal, ’S gach deagh bhuaidh bha fuaight’ ri d’ nadoir. B’fhoghaintaich thu na Deborah, ’S bha thu cho boidheach ri Iuno, [TD 126] Thu cho geanmnuidh ri Susanna, ’S cho banail ri ann ’s gach giulan, Bha thu iochdmhor, creidmheach, Diadhaidh, Ma d’ chuid bha thu fialaidh, pairteil, Aig lionmhoreachd do bhuaidhean uasal, Bu tu bhean shuairc’ a bh’aig Nabel. C’ait’ an gabh an gliocas comhnuidh, A nios o nach beo u Anna, C’ait’ an d’ theid an gealladh cinnteach, C’ait’ an fhirinn, c’ait’ a ghlainne; C’ait’ an d’theid a labhairt bhlasde, C’ait’ an d’ theid an tuigse chomhnard, C’ait’ an d’ theid an giulan bannail, A nios Anna o nach beo thu. ’S truagh leam do chlann bhi na’n deoirabh, ’S truagh leam bròn bhi air do mhathair, ’S truagh leam do pheathraichean deurach, Mu d’ dheibhinn ’s cha dean e stath dhoibh; ’S gur truagh leam oisnaich do bhrathrean, O nach d’ fhuair iad dail o’n eug dhuit, ’S o nach faic mi gu la bhrath thu, Mo bheannachd gu Pharais De leat. [TD 127] SMEORACH NA LEODACH, AMACH O CHAISTEAL DHUNBHEGAN, DHA NA GHAORADH CEANNARD NA SMEORAICHEAN. Le Domhnul Macleoid. AIR FONN—Smeorach Chlann Dubhail. Ulibhag ì na ì ri ù o, Ulibhag ù na ì ri rì u, Smeorach mise ’mach o’n Tùr, Is gleoghrach cuirn ma bhuird le feasda. ’S mise smeorach oag a ghrinnis, Shinnis ceol mar Organ millis, Feidan ordail fui’ ma ribhaid, ’S feid mo mheoir air comhradh filleant’. Ulibhag ì na ì ri, &c. O tha ’m blàs air sgath mo dhoirich, ’S glan a failadh, ’s ard a duileach, Cha chuir clabhuin lamh na milleadh, O tha caileach bho na ghruineal. Cha’n eil ian a dhiath ma cuile, Nach eil fiach ac ann sa’n tuireas, [TD 128] Tha ’n deoch fhiana ’nias ga tunnadh, Thar na spiachdlan miarach, murrach. Co chuir gaoith romh thaobh an fheidan, Dha’n robh saothrachadh ri spreigadh, Ma na dh’fheudas mi chuir deisail, Mar a caochail mi mo bheadradh. ’S mear mo ghreann a danns’ air crannaig, Breibadh bhonn, le fonn gun ainnis, ’S bleith nan toll ’s gach trannsa doirais, A mealladh rhann o cheann mhic-talla. An Caisteil ard dha’n ladir finne, Ma’n iath Parlamaid gun ghiorag, Nach h-iar baigh an aite millidh, A dhialadh bais gun strachd ga’n tilleadh. Cha b’ i crionach liath na mosgan, O na shiolaich treud an fhorsdan, Ach fiogh miath, na miar, gun sochdadh, Geal mar ghrian, o bhian Riogh Lochlain. ’S fada sgeul air lèis an gaisgidh, Ghlac iad Eirinn le beum lasrach, ’S feachd na Feinne le ceum farsinn, Mar na h-eiltin ’steidh ma’n casan. [TD 129] Sliochd an Fherguis bu shearbh caismachd, S fleed’ na’n geala bhreid, fui’ gharg fhacal, Sliosadh fairge na’m balg glasa’, Ruith na’n garbhlach bu gharbh maistradh. Sliochd an Iaghoir a dhiol creachean, Thaisbean gniomh bho shliabh gu machair, Nach do mhianaich riamh a dh’ aiteas, Ach a riasladh na dh’iar smachd air. Ge do dh’eug e cha treig fhasain, Cha d’thoir streupa na geimh gaisadh, As na consmuin eolach, smachdail, Nach d’rinn ceo gun seoil a shrachdadh. Gu’n dean gloir nan neoil a phasgadh, ’S nach bi comhra’ fui’ shroin peacaich, Bithidh na Leodaich mar òr daithte, Sheasas coir, ’s nach fogair casgradh. Ma thig toir a choir na h-aitribh, Theid an conspaid air sheoil gaisgidh, Snapach, ordach, tòiteach, speachdach, Naisgir feoil do dh’ eoin an achaidh. Theid an tarbh fui’ chalg na maise, Le shròl balabhreac, ri geala ghasan, [TD 130] Nach leig earabal gu falbh dhathigh, Gu’m bi ’n anamain balbh fui’ chasan. Cha’n eil baigh a tamh fui’ chreachdin, Tha guin bais na chaileach reachdmhor, Cha d’thig ràn bho chairean carsdaidh, Nach cuir aireamh bhlath san deachabh. ’S lannach, lìbhach, dìsneach, claiseach, Meachair, sinealt’, riobhach, laisde, Na brais phrìseil, o’n tir fhasgeach, Nach leig cios le strith na feachdaibh. Cuid dhe’r mianaibh, miol-choin sheanga, ’S farsinn giol, a fiaradh bheannaibh, ’O nach tearuin fiadh an langain, Gu’m bi fiasag miath le mhinnach. Cha bhi sith aig frìth na fearthain, Le luchd dhireadh mhill is charrabh, Bheir a fidaig ni na sealladh, Nach dean big le filadh falain. Nuair theid dian air sgiath gach beallaich, ’S luchd an fhiamha, sioradh thairis, Car na’m beul ’us liath’d na’n teangaidh, ’S dorus riabte air cias gach fear dhiu. [TD 131] ’S gaothair chaoila nan taobh ballach, Nach dean sraonadh thar aon sganna, Grannach, aognui’, an caonthaig neimhail, ’S goil an craois mar ghaoth na pairach. ’N uair thig scian bho chliabh gach gille, A scoltadh bhlion, sa deanabh bhirin, Gheibh am fiacail biadh gun sireadh, ’S gloine lionta, an ioc-shlaint’ spioraid. ’N uair a chianadh grian gu calla’, Thigeadh trial nan diolt-each meara, Srannach, sianach, srianach, staileach, Ealland’, iargald’, lionda, an lainnir. Gu na’n Dùn is muirneach caithream, Dha bheil iul gach cursa ceannas, Dha bheil iuntas dlu mar ghaineamh, Nach d’thoir spuil gu cunntas gainne. Far an lionar fion ga mhalairt, Far an iarar gniomh fir ealluin, Far an ciatach mian gach seallidh, Far a riathlar ciadean an-eoil. An t-Eilan aigh dha’n gnath dhoibh fuireach, Eillach làn na tharmich urram, [TD 132] Deiradh cuil is tus gach cuiridh, ’Sloinnadh ùr air crùn na h-ullidh. Seinnam fonnmhor, pungail, m’ealluin, As a chom nach trom mar ealach, Cha d’thig tonn ma bhonn mo thalla, Ni mo chall na ghanntas m’aran. Tha mo chuach na cuartaig mhealla, ’S barrach uaine suainadh tharam, Air mo chluasaig ’s fuaghte m’ anail, ’S iomadh dual a luadh le’m theangaidh. Air mo thaobh an craobh na meangan, Cha d’thoir gaoth dhiom m’aodach droma, ’S mo thig laoisg a ghaoirich mar rium, Ni mi aog a sgaoileas tan iad. ’S iomadh buaidh fo stuaidh mo bhalla, Chuireadh ruaig air sluagh a carraid, Nach dean gluasad gun ruaim calla, Doirrin fuathais a chuain fhalla’. Bratach-shitheadh nan tri seallaidh, Fasda, dhidein, nan crioch cainis, Glag an stiobla dha’n striochd aniochd, Flag na firinn gun lith sgannail. [TD 133] Sliochd an Ollaghair a bhorb sheallidh, Mic a tholgas le’n gorm lannan, Raochd an fharabhais nach fhalbh falamh, Cuip na h-Albain, san dearbh dhaingin. Neart Eoin Toramad cha searg ascall, ’S maise chranchuir ’s gach dearbh eachdruidh, ’S pailt na h-armabh na bhalg acuinn, ’S brais a leanbhin ga sgaldh shnapadh. ORAN DO SHIR LACHLUIN MAC GHILLEOIN, TRIATH DHUBHAIRT. THRIALL ar bunadh gu Phara, Co b’urrainn da sheanchas? Mac Mhuirich, Mac Fhearguis, Craobh a thuinich re aimsir, Fhriamhaich bun ann an Alba, Chuidich fear dhiu’ Cath-cairrbheach, Fhuair sinn ullaidh, fear ainme theachd beo. Fhuair sinn ullaidh, fear ainme, &c. Cha chraobh chuire cha phlanntadh, Cha chnodh ’n uraidh o’n d’fhas thu, [TD 134] Cha bhlath chuireadh ma Bhealltain, Ach fas duillich a’s meanglain, A miar mullaich so dh’fhag sinn, Cuir a Chriosd tuilleadh an aite na dh’fholbh. Cuir a Chriosd tuilleadh, &c, ’S mor puthar an Raith-sa, ’S trom an dubhadh-sa dh’fhas oirn, Gur a cumhann leinn t-ardach, ’N ciste luithaidh na’n claran, ’S fhad is cuimhne leinn caradh na’m bord. ’S fhad is cuimhne leinn, &c. Chuaidh do chiste ’n tigh geamhraidh, Cha do bhrist’ u chno’ shamhna, Misneach fear Innse-gall thu, ’S mor is misde do ranntaidh, Nach do chlisg u roi’ armailt, Fhir bu mheasail an càmpa Mhontrose. Fhir bu mheasail, &c. Fhir bu rioghaile cleachda, ’S tu bu bhioganta faicinn, Dol a sios am blar machrach, Bhiodh na miltin ma d’ bhrataich, Chuid bu phrisaile an eachdraidh, Luchd do mhi-ruin na’n caist ort, [TD 135] ’S ann dh’ innste leo t-fhasan, ’N uair bu fgith leo cuir sgapaidh na’m feoil. ’Nuair bu sgith leo, &c. Cha bhiodh buanachd do d’ namhaid, Dol a dh’fhuasgladh uait lamhuinn, Bha u buaghach ’s gach aite, Cha b’e fuagh Mhic a Mhaille, Fear do shnuadh theachd na ardaich, Cha dath uaine bu bhlath dhuit, ’N uair a bhuaileadh an t-ardan ad phor. ’N uair a bhuaileadh, &c. Gu’m b’aithriseach t-fheim dhoibh, ’N am na’n crannan a bheumadh, Chum na’n deannal a sheideadh, Bhiodh lann tanna chruaidh gheur ort, ’S tu fad la air an t-sheirm sin, Cha tigeadh lag bhuile meirbh as do dhorn. Cha tigeadh lag bhuile, &c. ’N aile chunaig mi aimsir, ’S tu ri siubhal na sealga, Cha bu Chuimh ort an garbhlach, Pìc do’n iubhar cha d’fhas i, Chuireadh umhal na sbairn ort, Cha bhiodh fuithil a tairne, [TD 136] Na’m biodh lutha na crannghail, Chuireadh siubhal fui’ earr-ite ’n eoin. Chuireadh siubhal, &c. Glac chomhnard ann an caradh, ’M bian ròineach an t-sheana bhruic, Cinn stòrach o’n cheardaich, Cha bhiodh oirleach gun bhathadh, Eadar smeoirn agus gainne, Le neart corcaich a’ Flànras, Cha bhiodh feolach an tearmad, Air an seoladh tu ’n crann sin ad dheoin. Air an seoladh tu ’n crann, &c. Cha b’e sin mo luan càsga, ’N uair a bhuail do ghath bais u, ’S truagh a dh’fhag u do chairdin, Mar ghàir sheillein air làraich, ’N deigh a mealunnun fhagbhail, Na uain earraich gun mhathair, ’S fad a chluinnir an gàraich mu’n chrò. ’S fad a chluinnir an gàraich, &c. Gu’m mhath do dhiol freasdail, ’N tigh mòr am bial feasgair, Uisge beatha na’m feadan, Ann am pìosun ga leigeil, [TD 137] Sin a’s Clàrsaich ga spreige ri ceol. Sin a’s Clarsach ga spreige, &c. Bhuaineadh dh’inne ’na ùr-ros, Fear ar tighe ’s ar crùn air, Ghabh an rathad air thùs uainn, Liuthad latha re chunntas, Bh’aig maithibh do dhùcha, Miad an aidhir ’s a muirne, Bha mi taithaich do Chuirte, Seal ma’m b’ aithne dho’n t-urlair a dh’fholbh. Seal ma’m b’aithne, &c. B’eol dhomh innse na bh’aca, Gu’m b’ann do mhianan Shir Lach’uinn, Bhiodh ’g òl fion ann tigh farsinn, Le mnaidh riomhach, neo-ascaoin, Gloir bhinn agus macnais, Ann ’s an am sin ’m bu chleachd libh bhi poit. Ann ’s an am sin ’m bu chleachd, &c. ’N àm na faire bhi glasadh, Bhiodh a Chlàrsach ga creachadh, Cha bhiodh ceol innte ann tasgaidh, Ach na meoir ga thoirt aisde, Gun leoin laimhe na laigse, Gus ’m bu mhianach leibh cadal gu fòil, Gus ’m bu mhianach leibh cadal, &c. [TD 138] Bhiodh na cearraich re braise, Iomairt tàileasg ma’n seach orr’, Fir fòirne ri tartar, Toirm ’us mathadh air chairtean, Dolair Spainteach ’us taistain, Bhi ga’n dioladh gun lasan na’n lorg. Bhi ga’n dioladh gun lasan, &c. Thug cach teist air do bheusan, Bha gradh ’us eagal mhic Dè ort, Bha fàth seirc’ aig do cheil ort, Bha aoigh deiseachd ’us deilbh ort, Cha robh ceist ort mar threun fhear, Bhiodh na scriobtair ga’n leubhadh, Ann ad Thalla ma’n eireadh do bhord, Ann ad Thalla ma’n eireadh, &c. Ga bu lionmhor ort frasachd, Chum u direach do d’ mhacabh, Do bhreid riomhach gun srachda, Cha do dhiobair ceann slait thu, O’n ’s e Criosd a b’ fhear beairt dhuit, ’Sin an Ti a leig leat an taod sgoid. ’Sin an Ti a leig leat an taod, &c. A mhic mo ghlacas thu’n stiur so, Cha bu fhlathas gun duchas, [TD 139] Dhuit bhi grathuinn air h-urnaigh, Cuir da caitheamh an triur orr’, Cuir an t-Athair ann tus orr’, Biodh a Mac na fear iul orr’, An Spiorad Naomha ga d’ ghiulan gu nòs. An Spiorad Naomha, &c. ORAN DO DHOMHNUL MACLEOID, LE OAG NIGHEAN UASAL, AN INBHIRNEIS. GUR a mis tha fo’ mhulad, ’S nach h-urrain mi dhibradh, Tha mo chriodh air mo chuireadh, Cho na’n urra’ dha striochdain, Ma na mhianuicheadh m’urram, B’e mo mhuinghin ’s mo riathladh, Tighinn a dh’ionsuidh do thoille, Ga bu shoilleir dhomh dheanabh. Thanig buaradh na m’ bharail, Nach d’thoir falas na gniomh as, Cha’n eil fuasgladh dhomh ’n cabhaig, Mar a faigh mi na dh’iarainn, Cha saibhreas na fearain, A bharralaich m’ inntin, [TD 140] Ach an t-Eilanach Leodach, Ann an dochas mo chuimhrinn. Tha mo mhinaidin bronach, Ann an comhradh mo chuimhne, Tha mo spiorad air dortadh, Tha mi dòlam dhe’n aoibhneas, Mas a duin’ u ni posadh; Air an doigh nach d’ theid m’ fhaighneachd, Bithidh mi ulamh an lò sin, ’S ni na bordaibh mo chuibhreach. Cha’n e barrachd do bhoidhchead, Air na sheol mi mo phuincean, Cha’n e m’aran a chonadh, Tha na ’s leoir dheth na m’ shaighlean; Ach do cheannas is d’fhòlum, Ann an comhradh do chainnte, Bheiradh t-eilan is t-eolas, Ann an seomair an Righ thu. ’S truagh nach robh mi ’san anard, Far an ealluath am bi mi, Ma na dh’fhuath’ladh mi an gallair, Mar a faigh mi dhomh fein u, Cha’n e ’n cuartachadh fallain, Thainaig mar rium ach m’aingleas, [TD 141] Cha’n ’eil sruladh dhomh ’n gaine, Fui’ earradh na h-oidhche. ’S truagh nach mise bhiodh mar riut, Ann an tallamh na Leodaich, ’S cha bu chianealas m’ainiul, Na’m bu mhaith leat na d’ choir mi, Cha bhidh innleachd air tallach, Fad sa mhaireadh mo stòras, ’S cha bu mhillteach a mhalaird. An uair a dh’fhanamaid còlamh, ’S mi gu siubhladh na beannaibh, Agus bearrai’ a cheo leat, Agus cuirnaibh nam mara, Gun fhathreachadh gorach; Ge nach d’fhuair mi do leannabh, Bha do chathrandas mor dhomh, Dheanadh t-uaisle mo mhealladh, Agus barachd mar fònadh. Ge do thàrinn fear chruachan, Air bheagan suairceas fo chòta, Cha bu bhlàs leam a bhuanachd, Is malla ’n fhuachd air an comhnuidh, Cha b’ionain ’s mar thachair, Ann an cleachdadh an Domhnuil, [TD 142] Tha do cheanail is t-uaisle, Daontain fuaighte riut comhla’. Gur a luaineach mo dhuilag, Fo na builleanan leointe, Thainig luasgan air m’fhurras, Bhuail e tuileadh is òg mi, Cha bu shuarach an urra’, Dha na dh’fhuiling mi’n t-òrachd, Dh’fhàlnuich m’fhuaithal ’s mo ghrinneas, Thainig crith na mo mheoirean. ’N uair a smuainicheas mise, Far an tric an robh chomhail, Ann sa’n aite gu’m freagruin, Gach feasgair Didonuich; B’e mo chàs a bhi deis dheth, Ga do leasaich e bròn dhomh, Gu ma sabhailte leisan, Far an leig e na chomhnuidh. Tha mo dhòchas sa’n fhreasdal, Ann an freasgairt air m’inntin, Ann an fògradh mo sheasaich, ’S ann an greasad mo chaoibhneis, Gu’m bi ’n t-òganach teistail, Ann a geusain mo chuilibh, [TD 143] Mar a steoirnadh an Eaglais, Ann am freagairt mo chinnse. Bithidh mo dhùrachd-sa mar riut. Ann sa’n bhaille dha’m bi u, ’S na cuir uidh ann an leanan, Mar a lean u gu crioch i, Na bitheadh cunntais ri d’ eallach, Ann an mealladh an caoibhneis, Tha do dhùlan dheth mar riut, Mar a dhealuich mi fein riut. Gus an dùnair mo shealladh, Cha d’thoir gailluin na sion dhiom, Gun mo ghùn a chuir tharam, Fui’ bharrach na cìse, Far am b’ iuntas leam t-anail, Fui’ dhalladh na h-oidhche, Cha b’e ’n cùineadh gun ghal e, ’S dluth m’aire le sgios air. [TD 144] LITTIR GHAOIL GA FREAGAIRT. LE DOMHNUL MACLEOID. A RIMHINN òg bidh laoidh do bheoil, Air chuimhn’ aig m’ fheoil gu’n cnamh i, Tha cuibhreach leoin an aoidh do neoil, A guideachd broin gu m’ fhardaich, Tha saighdean Phoil mar aingleas dhomhs’, A rionn mo bheo na d’fhabhar, Chaidh cuibhle m’eolais fhoighneachd colamh, ’S oighre air ceo nan ard mi. Tha gaoir na m’ phorr le gaol do thòir, Nach caochail ceol gu gaire, Ga daoir a dheoir, tha taobh is deoin, A sgaoiladh dochas laidir, A thaobh ar ’n òigid fhaotuin colamh, Aontach, deonach, sabhailt, Mar a h-eug is lòn dhuinn, eiridh doigh leinn, Rè bho roith’din nàrach. ’S e shniamh mo dheo gur h-ian u chòr, O sgiamhaich gloir thar chaich u, Mar fiamh an òr fo shion an t-shroil, Ma’n iath na goisnaibh tàlaidh; [TD 145] Chaidh sian do bheoil ma ghniamh mo lò, Le fianuis phòg is cairdeas, ’S ga b’fhion ri òl e, dh’fhiach a shòlas, Pian air sheol na dha dhomh. ’S e chum air h-ais mo luth ’s mo neart, Mar thiuntaidh beachd do chairdean, Le ruin mo chasg o uidh mo thlachd, A lub na taic mo shlainnte; Chuir Cupid strap ma chùl mo chas, Is dhùn e ’n glas nan lamh mi, Gun duil tigh’nn as ach liug fo smachd, O dhumhlaich sachd do ghraidh mi. Do dheantas nochdui’ riabadh lot, Chaidh srian nan och! a chàradh, Ma chi’ol mo dhos a lionadh ghoc, A spianadh deoch mo chnamh leis; Gun sgeul air fois ach beul na crois, A spianadh cosg an trath dhiom, Mo shioradh goirt aig ianach ort, ’S mo mhian air los do thàrsinn. ISE.--- O! b’fhearr gu’m b’fhior, ’s gu’m b’e do mhian, Gu fàguin sgiath mo chairdean, Gu aird nan sliabh, gun bhlàs, gun bhiadh, Gun sgath, gun fiamh, gun naire, [TD 146] B’e m’ àileas fiol na b’ ail le Dia, Nach fàg u lian a bhais mi, ’S gach la na bhliadhna ’n airde fiabhruis, ’S tamh na le cial cha tair mi. Ach tiundaidh glic is uirich t-iochd, O dhuisg an cliosgeadh anroich, Fo’m bruite ’mis a muchadh crich, Le siubh’luin ruic is carnabh; Dean iul an Tuirc gun umhlachd stuic, ’S gu dùlan uilc na’n Spainte, ’S bithidh m’ uimpaidh leis gun smuir gun leisg, ’S mo shunnt a reic mo là riut. Cha gheil mo dheoin do spreidh air loin, Cha t-eugbhail stòr is càs dhomh, Cha cheil’ tha beo, cha speis do dh’òr, Na beum an t-sloigh a chnamh mi, Ach deigh an Leodaich, ceir ma bhordaibh, Leigh mo nòs ’s mo naire, ’S tha m’fheum air dhoigh mar theud gun cheol, Gu’n gleus do mheoir na’s fearr e. ESAN.--- A dhoimain uir is bainnde suil, Mo roinn a shugh an làr u, Do choimneas cùra seinn gun dùsail, Rainn an triur ma Dheardeil; [TD 147] Le rìthlibh siubh’lach, deirach, ciuridh, Goibh’neachd h-uird a tairneadh, Le poileadh ruin a stoileadh cùrsa, An soigne a ruisg an tamh dhiom. Cha bhàth mi ’n t-srad a thainig grad, Gu’n tair mi’n nead is fearr leam, ’S tha larach rag ’s an caileach lag, Gun fabhar taic is càs e; ’S mar tair mi muith an gradh nach sguir, Tha’m bàs na chuir air m’ àruinn, ’S e t-airde fuil is àrach guil, Mar h-ail leat muir a shnamh leam. ISE--- Cuir blath do pheann air fath gach àm, Gu lamh an t-samhla is h-eol dhuit, ’S bithidh faireadh bheann na sàl fui’r ceann, Gu cearnaibh thall na h-Eorpa; Bithidh aileas Ghall gun stath dha’n geall, Ge d’ cheangladh sraing ma dhornaibh, ’S ga dàn a rann cha chaireir ann, Am blàs a shanntuich m’ fheoil dhuit. [TD 148] LUINNAG GHAOIL. Hil ò ro hil ò ro, Hil ò ro hug eile, Hil ò ro hil ò ro, Hil ò ro hug eile, Air fahil ihil ò, Agus ò ro hug eile, Cha’n fhaigh mi ’n cadal samhach, A ghraidh gun u rèith rium. GE fada na mo thamh mi, Tha’n damhair dhomh dusgadh, Mo bheud mo dh’fhalbh mo mhànran, ’S e b’aibhaist dhomh sugradh; Cia fath ma’m bithinn brònach, Ma’n oigh gun a diu dhomh, Ge ’d ghlac i luib a graidh mi, Le àmhailtin Chupid. Hil ò ro hil ò ro, &c. Gur binne leam do chomradh, Na smeorach nan geugain, Na Cuag maduin Mhaidh, Na Clarseach nan teudain; [TD 149] Na’n t-Eisbig ri la Donuich, Sa mor shluagh ga eisdeachd, Na ge d’ chunnte storas, Hanobher gu leir dhomh. C’airson nach d’rugadh dall mi, Gun chainnt na gun leirsin, Ma facas t-aighaidh bhainnte, Rinn aingleas na’n ceudain; An gradh seirce bha na d’ ghnuis-ghil, A dhlu-ghreas gu eug mi. ’S nach fasa leam na’m bàs, A bhi lathair as t-eugaisg. Ma’s a trial gun dail dhuit, Gu aite na mor shluagh, A dhealachadh ri d’ chairdean, Do dhaimh is luchd eolais; Cuir soirgheas as na speuraibh, Gun eiridh air mor thonn, Ach aisigeadh gu reith dhuit, Ni feum do luchd seolaidh. Gur trom a tha mo ruin dhuit, ’S e dlu dha mo leanabhuin, Mo chridhe astigh ga chiuradh, A dh’aindeoin taobh dha falbh mi, [TD 150] Na m’ chadal na na’m dhuisg dhomh, Ri sugradh na seanachas, Bithidh sud ga m’ ruagadh daonain, Mo ghaoil ort gun dearmad. A fear a bhios ga’m fheoirach, Gu’n leonadh le gaoil mi, ’S amhluidh sin ’s da tuairneoil, Dha’n dual a bhi smuaintin; Cha’n abair mi gu foil e, ’S ga m’ dheoin cha d’thoir mi saoiradh, Tha m’uirsgeul brath aig Pol, Mar sheoil e na aonar. Ach fàgaidh mi mo dhuthaich, ’S gu’n diu-chuimhnich mi pairt dhi, Le mheud sa thug mi ruin, Dha do chul buidhe fainteach; Falbhidh mi far m’eolais, A dh’aindeoin deoin mo chirdean, Tha saighid air mo ghiulan, A lubas gu bas mi. Tha cuid do sgeula Choromaig, B’e ’n dearmad mo cheud ghaoil, A tigh’nn mar chruit air m’iunsaidh, Mar uigheam chiuil da gleusadh; [TD 151] Ach ma leig Ebhi ’n diu-chuimhne, Mo ghiulan ’s mo bheusain, Bithidh mise seinn mo h-Organ, Aig ro mheud mo speis dhuit. RANN MOLAIDH, Do sheann bhàta bha aig seann duine, dha robh deigh mor air snìshein ’s air drama, air dha bhi sireadh frachd coille amach o Pholdill. Le Domhnul Macleoid. DEANAMID ealluin do n’ bhàta, Chaidh air bheidse, Amach a Poldill nan creag arda, ’S na traigh mìne; A dh’iaruidh iomuasglaidh dha’n aite, Tha gun fioghreach, Do choille nan gasan arda, ’S nan slat direach. Theannadh amach i le foirneadh, Nan rámh gle-gheal, Ri cladach na creige mora, Gu Cnoc Gaidheal; [TD 152] Chaidh a Caiptein fein air bord innt’, Roichdeal, feusdach, Le ghilean sciopidh, neo-lòdail, Coir sa’n eigin. A sin chaireadh a gasan ròpach, Na bhroig shochdair, Is cheangladh a stagh gu h-ordail, Ri scruig thoisich, Cheangladh cuplanan neo-fhealltach, Ris gach stoc aic, Romh ailebhagan croma, spògach, Nach robh meata. Theann iad amach gu Eas Aboist, Le sar bhuillean, Is shuidh Coinneach mòr gu làsdoil, Shios na deiradh; Dh’èibh e ris na gilean sunntach, Bhi gu h-ealluath, Gu ruitheadh iad feadh a bhàta, Mar sraid baille. ’N uair thog iad a sin a siuil gle-gheal, Ri cruinn arda, Sa cheangladh gach ball gu h-iosail, Na fior aite, [TD 153] Sa shuidh’ an laoch toirtail, treubhach, Gu neo-sgathach, Ga stiuradh gu min, neo-bheumnach, ’S i ruith gairoich. Do ghlaodh e ’nuas le cruaidh fhocal, Cairt is Cùmpaist, Le ’n cumadh e iuil gu beachduidh, Ro mhin, pùncal; ’S gach aon ni dha’n coir bhi’n taic ris, Faighte ’nuas e; Botail is bucas tombaca, Gu casg fhuachda. ’N uair fhuair i sin cothrom aistair, ’S fada chluinnte, Gach meall a bhuaileadh ri toiseach, Le boc’s aognuidh, Cha d’ chaireadh da chois fo choluin, Sheasadh innte, ’S i cho luaithe air druim na fairge, Ri Scarbh caothaich, Na gabhadh do ghilean fuathas, Na droch mhisneachd, Fhad sa dh’fhanas tusa ’n uachdair, Iurach sciopidh, [TD 154] Cha d’thig astigh air do chlair, Na lionadh slige, Ge d’ bhuaileadh do chrann ’s na speuraibh, Le leum bhidein. ’S ann fo do chasan tha’n fhardoich, Is fearr uchdach, Gu direadh ri baideil arda Na ’m barr boichdneach; ’S gu tairsinn a claisean dorcha Nan garbh ghucag, Ma’n lubadh na billean h-uaine, Le cruaidh chopadh. Shruchdadh tu romh ghleannan eiltail, Mar gheur ealtuin, Scoilteadh tu na beanntaibh bharrgheal, Air an tarsuing, Leumadh tu thar barr gach bèiste, Mar threun bhradan, Smuiradh tu ciosanaich bhalabhreac, Fui’ d’ gharbh aisnuidh. Ge do dh’ eiradh stoirm le sneachda, Scapadh sleibhtean, Chor ’s gu ’m bithidh clachain a chladuich, A ruith ’s na speuraibh, [TD 155] Ge d’ dh’fhàsadh an fhairge coirreach, Molach, beichdneach, Na’n cumadh an t-Agh o chreig i, Cha bhidh beud dhi. ’S ann tha na gibhtin aig seann duine, Fhuair fo chois u, Mar bhitheadh gu sgaoil a cheann Le do chruaidh shlaichduin; Bogh’rir le beichdail nan tonn e, ’S le srann achduin, Le bìgil fulangan piantail, ’S le sian shlatan. Na’n cluinneadh Parlamaid Shasguin, Tapadh t-fhardoich, ’S fad o bhidh tu loina battail, Le neart laidir; Choisneadh tu buaidh ann le casgradh, Air feachd namhaid, ’S mheuduiche tu iuntas Bhreatain, ’S meas dha ’n aite. [TD 156] RANN FIRINN DO N’ BHATA CHEUDNA. LE DOMHNUL MACLEOID. DEANAMID ealluin dha’n lapruich, Chaidh air bheidse, A mach a Poldill nan creag arda, ’S na traigh mìne; A dh’iaruidh sprodagain neo-fhàsmhor, Na choill’ ìnich, Far nach faighte fad an ràchdain, Do dh’fhiogh dìreach. Shluid iad a mach i le dòruinn, A cheart ’r eigin, Ri cladach na Creige Moire Gu Cnoc Ghaidheal; Dh’fhialaidh iad a sin air bord innt’, ’S b’e chuis eilte, Còm an’ robh anam neo-bhàsmhor, Dhol sa bhèist ud. Bha i sgallach breac mar dhèile, Air dhroch lochdradh, Bha sruth dearg o cheann gach tairne, Mar a Chorcur; [TD 157] Mar a bha mheirg air a cnamh, Sa làr ga grodadh, Bha neid na Corruichin-còsag, Na boird mhosgain. An fhàrdoch is aognuidh sa ’s measa, Chaidh fui’ eudach, An fhàrdoch is trom sa’s tric ultach, Air fear taomuidh; Rachadh an eultaidh air h-iteig, Romh gach taobh dhi, ’S ghearradh tu dh’fheur innte na dh’ithadh, Marst sa’n fhaoileach. Cha ’n iaruinsa phian dha namhad, Bhitheadh ga m’ ruagadh, Ach e bhi ’n taobh astigh dheth d’ chlàruich, Air drùim chuantaibh; Cha death an t-uisge na b’ìsle, Dha na’n cruachan, Ge d’ bhitheadh deichnar cho dìsle, Ga tho’irt bhuaithe. Tha do chrann mar mhaide suirn, A bhitheadh air gualadh, ’S tha do shiuil mar phàipar fliuch, An deigh a shuathadh; [TD 158] ’S do bhuill mar shràleinean meite Do chrionn luachair, Oscinn na closuich a ràineadh, Ri gàir chuantaibh. ’S mòr gur motha fhuair do shleibhan, A phein maradh, Na’n fheoghain tha dol na h-Innsein, Air luing crannaig; Ge nach do leig u as t-fhianuis, Riamh a charuig, Bu trìblaidach do luchd riathlaidh, Fui’ d’ chrion bhallabh. RANN GAOIL DO MHISS H—NN—H F—L—R, Ann an Inbhirneis, mar gu’n deanadh a Leanain e, Le D***** ——— AIR FONN. Mo rùn air mo nianaig, Do shùgradh a lion mi, Ma’s fheudair falbh as t-fhianuis, Gur cianail a dealachadh. NA’N aimiseadh mo mhian leam, Cha’n aimeadeachd a dh’iaruin, Ach H—NN—H ’s ciuine briathraibh, A lion na mo bharail mi. Mo rùn air mo, &c. [TD 159] Gur bannan ma mo chial thu, O dh’aithnich mi do dheantas, Tha m’ ealach ann a fiamh dhomh, Mar a h-iasgair nach meallair mi. Mar h-aingil romh mo chrioch thu, Gu m’ aire chuir air sior’achd, Thoir leigheas da mo dhiachuin, A shiothlas mo mhearachdain. Tha buaidhean ma do dheanamh, Do dh’fhear a chuinaig riamh thu, Nach sealladh e gun dioladh, Air fiaradh do mhalluichean. ’N uair ghon thu le do shuil mi, Chaidh soghraidh air mo ghiulan, ’S ge d’ dheallaich sinn gun phùsadh, Bithidh an cumhnanta daingean leam. Mo chinicheas mo dhòchas, Cha’n fhear a ghin tha beo mi, Ach tilleadh ri Miss F—l—r, Gu leoin na bheir gealladh dhi. Cha mhearachd oirn a steornadh, Tha barail aig Clann Domhnuil, [TD 160] Gu foluich iad mo choir dhiot, Air sheoil nach bi d’ aire dhomh. Ach mearachduich a roi’dean, ’S cha ghalluir a bheir lòn dhuit, Ach ealluin bho na meoirean, Tha steoirnadh romh pheannachan. Cha ghabh thu S—m—s N—b—e, ’S an dath th’air a chrògain, Tha ceangail air do mhòrchuis, Bho ’n doigh a ni sallach ort. Tha Lighich ann an deoin dhuit, Gu ruigheachd air do phògain, ’S ma gheibh e reith do chomhra’, Bithidh m’eolas a tarruing bhuait. Cha’n fhuithil thar a bhòrdaibh, A ghabhainsa mar phòrsain, ’S mo ruitheas tu na chomhail, Bi deonach gu meal u e. [TD 161] ORAN DO RUARI BAN, MAC NEIL BHOIRARAIDH. A ri gur h-oil leam a sgeula, Thannuig thugain a Eirinn, Air sàr ghaisgeach na feile, ’S cha bi bhreig a bh’ ac’ ann, Ruari Bàn ’s e na eigin, An deis an fhardoch ga threigsinn, ’S co sheall riamh ann ad eudain, Leis am b’eibhin do chall; Ach ma dh’eirich gu h-olc dhuit, Tighinn air tìr cho na’m bodach, ’S truagh gun ceud fhearaibh cogaidh, Mar gheibhte bhos agad thall, ’S bhitheadh tu fein orra ad Chaiptin, Suil gun fhiamhachd gun ghealtachd, ’S claidheamh dios-fhada glas ort, ’S cha bu lapach e ’d laimh. Ach ma dh’eirich dhuit foirneart, Le neart mara’ gun chomhnadh, Cha pheighin bharachd as t-oige, Leis na thòisich u bh’ann, ’S beag iongnadh buaidh a bhi d’ phachda, Bu tu ’n dàluiche fada, [TD 162] Bu mhath a saoghail dha d’ mhac, A tho’irt a steach na bheil ann, A dh’aindeoin trìblaid dha’n d’fhuair thu, Bu tu beannachd na tuatha, Cha’n fhacas maoir air do ghualuin, A togbhail bhuathe nan geall; ’S a nios o dh’eirich dhuit leatrom, ’S coir dhoibh fein a bhi seasbhach, ’S do chuid fhein tho’irt gun teagabh, Dhuit is beagan na cheann. A ri gur h-oil leam do thuras, B’e so bheidse gun bhuinnuig, Ge nach faithnuich aon duine ort, A bhi cho truim’ ann an call, Tha do chriodhe cho farsing, Air a lionadh le pailteas, ’S nach bu phribairachd t-fhasan, An àm tachairt ri Gall; Cha b’e na leith-bhoduich dholum, A gheibhte suas na do sheomair, Ach na botail an comhnuidh, Air a dhaoiraid seors’ ga’m bidh ann, Cha chlap laimhain a bhitheadh, An àm a chunntais a thighinn, ’S theiradh iadsan a rithisd, Gur a tighearna bh’ann. [TD 163] Ach ge d’ dh’eirich dhuit bristeadh, Cha do threig u do mhisneachd, Gur a h-oil leam a thricad, Sa tha sud ort a ghnath; Ach na’m bidh tu cho beartach, Ri aon Diuc a tha Sasguin, Bhitheadh deagh chliu ann an fad ort, Ann an pailteas do laimh, Leis a bheagan a thar thu, Bha u measail air cairdean, Cha bhi ainnis gu brath ort, Ma bhitheas do shlainnte gun chall, Gur e chuir cliu air do shonas, Bhi cosg do chùineadh an onair, Cho fad sa mhaireas a sporan, Gur ceud-foll u gun taing. Cha’n e na ’s math le air smuaintain, A gheibh sinne dheth ’n t-saoghail, Tha fear riathluidh ri fhaotuin. Is gheibh gach aon neach a chrann, A dh’aindeoin bristeadh na dorain, ’S coir do dhuine a bhi toilaicht’, O ’s e fein a ni cothram, Agus onair tho’irt dhoibh; Gu bheil salachair an t-saoghail, Mealladh moran do dhaoine, [TD 164] ’S tric leis car a tho’irt claon, O’n cheann dhaoindachd as sear, Ni e gearasdain folluich, Dha ’n fhear is don’ air an airidh, ’S nach cosg gu h-onarach bloigh dheth, Ach coltas stamaig a ghnath. Fhuair thu talein bha taitneach, ’S coir dhuit taing a tho’irt seachad, Dha’n Ti a dh’orduich do phearsa, Seach fear fachanda fann; Cha do sheall na do dhreach ort, Aon riamh nach d’thug tlachd dhuit, Gradh-seirc Dhiarmad a bh’ aca, Thug u leat e gun taing, Lagh is mogh, agus eolas, Tri nichanan co-luath, Rinn u fhòlum as t-oige, ’N uair a thoisich u ’n cainnt’, Gu briathrach, deagh-chainnteach, tuigseach, An lathair cuirte cha thuit bhuait, Aon ni ’s h-oil le do chuideachd, A chluinntin suiplidh os aird. ’S tu beud is mò bhi briste, Ach Mac Neil o’s e ’n tittle, [TD 165] Tha ri gh’radhtin a niose, Gur e suid orra ’n ceann; ’S ma’s e fein an ceann Cinnaidh, Gur a tusa ’n ceann spiunaidh, Aig Clann Neil air fad uile, Far an cruinnich an cámp; Thaobh nach aithne dhomh fein iad, Mar a h-eil iad an Eirinn, ’S gur a cairdeach dhuit fein iad, Na fir ghleusda bha thall; Ach na beante ri d’ phearsa, ’S fios gu leir a bhi aca, ’S meirg a rachadh an steach ort, Ann an casgardeachd lann. Fhuair mi naigheachd an traths ort, A thogas aighair do chairdean, ’S gur a lionmhor ri ’n aireamh, Iad ann ’s gach cearn Innsagall, Gun a cheanuich u Bàrca, Lán ruigin, is acuinn, ’S gu bheil do dhuil ri tighinn dhathigh, Ann sa’n t-seachdan a th’ ann, B’fhearr leam fein na mo bhreachdan, Ga d’ bhitheadh crùn air an t-shlat dheth, I bhi luchdaichte dhalpadh, Do dh’fhion Saic as a Fhrainc, [TD 166] An deigh do chreideas a phaighadh, Rian, is aiteas ad fhardoich, Bhitheadh do chriu gle shabhailt’, ’S taghadh gearuidh fo’n ceann. Bha u deas air do chasan, Cuimaite, dealbhach, na d’ phearsa, Mòr ghaoil sloigh ann ad chleachdadh, B’ e suid t-fhasan ’s gach àm; Fialaidh, fiughantach, farsing, Ma gach ni rinn u ghlacadh, Cha robh suimabh mar ghlais ort, Riamh o thachair thu ann; Gheibh fear do naduir is t-fhasan, A chaoidh fhònachdain pailt’ dheth, Ann an onair gun airceas, Cho fad sa thachras e ann, ’S ga iomadh companach bh’ agad, Ann ’s gach cearn d’ rinn u astair, ’S e chuid a b’fhearr dhiu a thachradh, A bhitheadh agad gun taing. A cheart aindeoin do theumachd, Fhuair thu ceile dha’n leir sin, Tha gu h-ardanach, gleusda, Ann ’s gach feum an cuir i laimh, [TD 167] Bainde, macanda, socair, Cialach, ciuin, ann an foisdain, Cha robh sgar oirr’ o thoiseach, Ann ’s gach cosnadh a b’fhearr; Giulan labhardeach, cialach, Muinte, macanta, rianal, Cha mheirg thug dhathigh i ’n ciad uair, An àm iaruidh gu pairt, Tha sibh toilaichte co-luath, A riathladh moghanan eoluis, Ise ’g imaradh gu h-eolach, ’S tusa seoladh gu h-arda. ORAN DO DH’ ALAISTAIR OG BHALAIDH. ’N àm dhomh teanadh ri òran, Feuch an cuirinn e ’n ordadh gu ceart, ’S mi na m’ shuidh ann sa’n t-sheomair, Thanuig smuainteanan mòr air mo bheachd; Ma’n oganach chliuteach, Cas a dhireadh nan stuc bheannaibh cas, Oighre dlitheach air Bhàlaidh, C’uim an ceillin ort pairt dheth do mhais. Tha thu foghaindeach, dealbhach, Cha’n eil aon dad an anamain a bheachd, [TD 168] Is fad a chluinntir deagh ainm ort, ’S tu cuir romhad na d’ earbsa bhi ceart; ’S tu shliochd na’n cuiraidhnean stàtail, A h-uile taobh air an d’thanuig tu mach, ’S ann ort a dh’eireas an t-òran, A dheagh Alaistair oig na’n ciamh cas. ’S tu a marcaiche sàrmhath, Air each aigeanteach, ard bu mhòr srann; Spuirean airgiod ma d’ bhòtain, Agus cuip a chinn òr na do laimh; Chìte dearsadh dheth dhialuid, Agus foineal dheth shrian ma cheann ard, ’S ioma neach thig na d’ chomhail, Ann an àm dhuit bhi toirleam gu làr. ’S tu soighdfhear tha scarteil, Agus claidheamh gorm dathte na’d dhorn, Dol an coinaibh do namhaid, ’S tu chuireadh gu bàs dhiu gu leoir; Cinn ga’n gearradh gu h-ard dhiu, Agus corpaibh ga fagail gun deo, ’S tu nach scuireadh gu brath dhiu, Gus an tilleadh tu ’n ràsan nan sròin. ’N uair theid ainm dhiot a Lunnain, Thig comishoin gle ullamh bho’n Righ, [TD 169] Is bithidh Pharlamaid deonach, A chàradh na d’ phoca gu gniomh; ’N uair is ceannard air sluagh u, Bithidh forsdain cuir suas dhuit a chaoidh, Cluinntir ainm ann ’s gach Gàseid, Air Alaistair Bhàlaidh ’s mòr miadh; Cluinntir ainm ann ’s gach Gàseid, Air Alaistair Bhàlaidh tha ceart, Dol an coinaibh do namhad, ’S tu nach tilleadh gu brath ceum air h-ais; ’S tu to’irt misneachd dha d’ dhaoine, Dhol air adhairt an eudain an teas, Iad a thilleadh nan Fràncach, An glacadh sa fàngadh fo glais. Aighaidh shoilleir an sgàthan, Suil chorach, ghorm, àluinn fo d’ rasg, ’S math thig deis ort dheth ’n scàrlait, ’S i do cholluin is bàine na sneachd’; Mhic an fhir a bha roighail, Nach fàgadh aon saoidh ann an glais, Ceann na tuath’ nach robh prìbail, Sa dh’fhuasgladh air dinleachdain lag. Gheibh u misneachd le onair, Agus leannaidh riut sonas gach cuis, [TD 170] Theid ainm dhiot air chruadail, Ann ’s gach aite gu’m buanuich u cliu, ’S mi gu’n deanadh an noilluig, Fhad sa mhaireadh mo sporan gu ghrunnd, Na’n cluinnein ’s gach comun, Gu’n cuireadh tu Bonnai’ an cuil. Ach na’n eiradhh ort fuathas, ’S iommadh finne readh suas leat ga’n deoin, Clann Domhnuil a chruadail, Le ’n claidhaichean cruadhach na’n dorn; ’S iad nach fuiluingeadh dha’n namhad, Bhi tagairt ro dhàn ort ’s iad beo, Ach cinn a scathadh bho’n guailean, ’S a fàgail nan cruachan gun deo. Thig Clann Leathain o’n Drealluin, Asteach ort cho teann ri do chòt, Thig iad uile sa chaonaig, ’S ni iad marbhadh air daoine gu leoir, Cha till iad le sith-chainnt, Gu faic iad gu striachd iad ga’n deoin, Dha’n armuin is aile, ’S e Alaistatr Bhàlaidh gun bhòsd. Eirigh Caimpealuich suas leat, Ma thig cunthard ma’n cuairt dhuit na spàirn, [TD 171] Le ’n gunaidhnan eutrom, ’S le ’n claidhaichean caoila gu’m bàr; Fhad sa mhaireas dhoibh fudair, Is luaithe ghlas a ruith siubhlach sa bhlàr; Bithidh do naimhdean ga ruagadh, ’S iomadh neach a thig luath dhiu gu bàs. Ge d’ a theirin gach finne, A b’ urain a ghille chuir ann, Gu’n eiradh sud leatsa, Ma’n leigeadh iad dad ort a chall; Bhitheadh do naimhdean ga sciursadh, Ga’n iomain na’n bruchdaibh gu fang, ’S eirigh leatsa buaidh làrach, Gun dol dad ann a fabhair na’n Gall. Leam a b’ait’ u bhi d’ Dhiuca, Agus iomadach duthaich fui’ d’ smachd, Bean a fhreagradh dha d’ stoile, Bhi mar riut gach oidhche na d’ theach, Do shliochd a bhi fàs riut, Air an togbhail an tàleindean ceart; Uine fhada sa’n t-saoighail, Cho fallain ’s cho eutrom ri breachd. ’S e mo dhùthrachd gach lá dhuit, U tho’irt toil-inntin dha d’ chairdean gu leir, [TD 172] Cuimhnich tric air do mhathair, ’S air a chliu a bha fàs r’i air beus, Cuimnich feothas a giulan, A choisinn dhi cliu fo’s cinn cheud, ’S bidh gu foighidneach, cialach, Is cuir t-earbs’ ann an Dia fad do rè. Na dean bun as an t-saoghail, ’S na bi cruaidh air na daoine bhitheas bochd, Na bi scapteach air stòras, ’S na dìbir fear coir nach dean lochd, Na d’thoir creideas dha’n eucoir, Ge d’ a chluinne tu sgeula gun toirt; ’S na creid brosgail an umpaidh, ’S ann dh’fheuchas e spuil a do phòc. Bi gu foighidneach, cialach, ’S thoir an aire dha’n riaghailt bhios ceart; Na bi brais na d’ naduir, Ma’n coisin u tàmailt o neach, Cuimhnich feothas na dìlib, A fhuair u o d’ shinnsir a mach, Uaisle, mogh, agus giulan, ’S gur a fada chaidh cliu air an mais. Ge d’ tha mi stad dheth do mholladh, Cha do labhair mi ’n cothrom a thrian, [TD 173] A liuthad maise tha fàs, Air an fhear nach robh ardanach riamh; Làn tuigse agus leirsinn, Fhir a thanuig o fhriamh na fear fial, ’S mi gu’m paidh do dheoch slainnte, ’S lionte an copan an airde gu bheul. RANN MOLLAIDH DO THIGH UIR A thog duine uaisail dha’n gaoirte Ruari Mac Neil, ann an Steinn. LE DOMHNUL MACLEOID. A Dhaoine seallaibh air an aitreabh, Tha mise faicinn le m’ shuilean, Ciosamail Mhic Neil a Barraidh, Air tighinn asteach an duthaich, Teaghlach, muirneach, roighail, ceutach, Ann sa ’m bi Cinn Fheadhna, is Diucean, Piop a fpreigadh na do thrannsa, Sranntraich each, is forrum chruidhean. ’S ann an Steinn a thog u ’n aitreabh, Ann sa faighte ghlainne lionta, Ruma glas is fion na Fraince, Uisge-beatha is branndi riamhach, [TD 174] Mo gheibhin gach seorsa bithidh, Cha’n urra’ mi dhoibh ga chunntas, Croineachd is brisgadean Innseach, Muc ga scríbadh, ’s moilt ga ruagadh. Talla na ’m buadheanan mòra, ’S eibhinn an sluagh tha ma’n cuairt dha, ’S mòr a chì iad dheth gach iongnadh, A cuir an saoghail seachad gun ghruaiman; Beannachd dha’n lamh chuir na clachean, Tha iad neartmhor, snaighte, làidir, ’S na mo measa shaoir a ghiubhais, ’S buitheach mi dh’obair a laimha. Na’n deanain le mo bheul innse, Mar a tha m’ inntin aig radhtin, Cha d’rinneadh, ’s cha deanar aitreabh, A chìte sa’n Caisteal-sa lamh r’i. Chuala sinn eachdruidh a Eirinn, Air Bail-o-Cliar nan stuagh libha, ’S air an Tùr-uaine a bha Lunnain, Gu’m b’ urramach a gniomh dhaoin’ e, ’S air a Chaisteal bha’n Duneidean, Fada ma na cheusadh Criosda; ’S air an Euglais mhòr tha ’n Glascho, ’S air a Chaisteal a tha Strìlaidh. [TD 175] ’S iomadh cearn’ o’n d’fhuair sinn eachdruidh, Air aitreabhan a bha ainmail, Bha aitreabh ann a Hanòbhar, Le uirseanan òr, ’s le còmhl’ airgid, Ach a leithid so a dh’aitreabh, Cha’n fhacas an t-aice ri fairge; Ga deanabh le h-aoil ’s le clachain, Cho geal ri sneachda na garbhlach. ’N uair a chaidh mi ’stigh na trannsa, Sheall mi os mo chinn gu dìblith, Chunnaig mi gach ni bha àdhmhor, ’S cha nàir’ leam teannadh r’a innse, Coighlinn ceire bhi ga’n lasadh, Ma bhòrd snaighte dheth ’n fhiogh riamhach, Or is airgid trian mo shealluidh, Scathanean glanna gun líth orr’. Thig luingeas nan gunnaidh mòra, Le’n cuid seoil asteach fo d’ dhoras, Theid gach Caiptein sios na gheola, Is eibhidh e gur mòr an t-annas, An aitreabh ard a tha air tìr; Sa slios cho gille ri clìath Ealla, Teannamid asteach ga h-ionsuidh, Gu’m faiceamid sùrd a balla’. [TD 176] Theid iad astigh air an doras, ’S cuiridh iad an ad fo’n cleochda, Suathaidh iad am brògan dutha, An carpad buidhe is fiamh an òr air; Falbhaidh iad gu socair, samhach, Modhail, nàrach, feadh gach seoimair, An ad sa’m brògain fo’n achlais, Ge nach lapach an ceann scòd iad. Gabhaidh iad naire agus eugail, ’S teichidh iad a mach le fuathas, Bheir gach fear a shoitheach fein air ’S togaidh e cuid brèidean suas r’ i; Ruithidh iad air tonnean ballach, Uaine is geal, a streap r’a ’n guailean; ’S cha stad iad gu’n ruig iad Lunnain, Tho’irt urram do dh’aitreabh Ruari. [TD 177] DUAN CALLUIN, Le Domhnul Mac Leoid, air dha dhol mar chompanach maille r’a Brathair-a-mhathair, do theaghlach an d’fhuair e cuireadh. GE d’ is tric fhuair mi fiolachd Na do thalla, Cha d’thanuig mi gu na’m bliadhn’ ann, Riamh air Challuin; ’S tha mi ’n duil gu’m bi mi riaraicht’, Mar is math leam, O tha mo ghille fo fhiasaig, Gu faigh sinn fiach as ar damaisd. O thainuig gorsda sa bhliadhna, Cha’n iar sinn riathrachadh arrain, Gabhaidh sinn bhuat stuth na Tòiseachd, O’s e ’s dòcha thogbhail gean oirn’; O’s e ’s tlachdmhora r’a riathladh, ’S o ’s e ’s lionmhora r’a cheannach, Cha sàraich sinn duine fialuidh, Air-son spiachdaire dà bhannaig. O dh’fhiathaich u Brathair mo mhathair, Na leig an lamh aige falamh, [TD 178] Dh’fhàg e bhean ’s a choignar phaistein, Sa’n ràinuich astigh ma’n teallach; An duil gu robh buinnig sa cheaird-sa, Gu sàbhaladh dhoibh an arrain, ’S thogbhair mise tighinn na phairt, O’n tha e fein gun dàn gun ealluin. Ghabh sinn an tigh-sa mar àruidh, O shàbhail sibh ar cuid bàra’, ’S o tha bhean a th’ann cho baigheil, ’S gu’n tuigeadh i càs na gainne, ’S cinnteach mo shìneas i lamh dha, Gheibh e chuid is fearr dheth eallach; ’S ge b’ar bith na bheir sibh dhàsan, Thugaibh dha’n aoisdana drama. ORAN MOLLAIDH Do Shir Alastair Mac Dhomhnuil, agus Sir Seumas a Mhac. A BHEAN leasaich a stòp dhuinn, ’S lion an cùpa le sòlas, Mas a branndi na beoir i, Tha mi toilleach a h-ol, [TD 179] ’N deoch’s air Caiptein Chlann Domhnuil, ’S air Sir Alastair òg thig o’n chaol. ’M fear nach duirichd a h-òl, Gun tuit ’n t-shuil air a bhord as, Tha mo dhurachd do’n oigfhear, Graine-cuiri Chlann Domhnuil, Righ na’n dul bhi ga d’ chonadh fhir chaoimh. Greas mu’n cuairt feadh an tigh i, Chum gu’n gluasain le aighear, Le sliochd uaibhreach an athar, A choisin buaigh leis a chlaidheamh, Fear ga ruagadh ’s ga caitheamh gu daor. Sliochd a gabhail nan steud thu, Dh’fhas gu flaitheaseach faoili, Do shliochd gasta chinn cheutaich, ’S bha taithaich an Eirin, Ge d’ a thug an claidheamh ’s an t-eug oirbh sgriob. Bhiodh an iubhar ga lubadh, Aig do fhleasgaichin ura, Dol a shiubhal nan stuc bheann, [TD 180] Ann ’s an uighe gun churam, Leis a bhuithin roimh an ruisgte na gill. ’S tha mo dhuil ann ’s an Trianaid, Ge d’ thainig laigse air t-fhion’uil, Slat do ’n chuillin bha ciatfach, Dh’fhas gu furanach fiolaidh, Sheasamh duinnal air beulthaobh an Righ. ’S an àm dhuit gluasad o d’ aitreamh, Le d’ cheol cluaise agus caismeachd, O thìr uasal nan glas-charn, ’G an robh cruadal ’s gaisge, ’G am bu shuaimhneas bàr gaganach fraoich: ’N uair a chairte fuidh luchd i, Bhiodh tarruing suas air a cupail, Bòrd a fuarach ’s ruith chuip air, Snaim air fuathail a fliuchd bhuird, Sruth ma ghuailibh ’s i suchta le gaoithe- ’S ’n uar chairte fuidh seol i, Le crainn ghasda ’s le còrcaich, Aig iomairt chleusain ’s ga seoladh, Aig a chomhlann bu bhoidhich, Seal mun togta orr’ a roi-seoil o thìr. [TD 181] Gu Dùn-tuilm na’m fear fallain, Far an greadhnach luchd eallaigh, Gabhail failte le caithream, As na clarsiche glana, Do mhnaoi òg nan teud banala binn. Sliochd nan cuirinan talmhaidh, Leis an cuireadh cath gailbheach, Fhuair mi urrad dh’ar seanachas, Gun robh an turas ud ainmail, Gun robh tigh ’s leath Alba fuidh’r cìs. ’S iomadh neach a fhuair coir uaibh, Ann san am ud le ’r goraich, B’ann diu Rothaich ’us Ròsaich, Mac Coinnich ’s Diuc Gordon, Mac Illeain bho ’n Dreolain ’s Macaoi. B’e do shuachainteas taitneach, Long ’us leomhan ’us braddan, Air chuan liobhara an aiggeal, A chraobh fhioguis gun ghaise, A chuiridh fion di le pailteas, Lamh dhearg romh ghaisgich nach tim. ’N uair bu sgith do luchd theud e, Gheibhte Biobal ga lenghadh, [TD 182] Le fior chreidimh ceile, Mar a dh’òrduich Mac De dhuibh, ’S gheibhte teagasg na cleir uaibh le sith. Mhic Shir Seumas nam bratach, O bhun Sleitibh nam bradan, A ghlac an fheile ’s a mhaise, Oscionn ceile do leapa, Cùm do reite air a casadh, Bi gu reusanta, macanta, mìn. Sliochd na mili na fear thu, Na sròil, nam pios, ’s nan cup geala, Thogadh siode ri crannaibh, ’N uair bu rioghala tarruing, Bhiodh pìc riobhach na meallan na teinn. Gu ’m a’ slàn ’s gu’m a’ h-iomlan, Gach ni tha mi ag iomradh, Do theaghlach Righ Fhionnghall, Oighre dlighich Dhuntuilm thu, Olar deoch air do chuilm gun bhi sgith. [TD 183] ORAN LE TE GA LEANNAN. THA mo chadal luanach, ’S an uair so cha’n fhaigh mi tamh, Cuimhnachadh na’n uaislinn, A ghluais air maidin diomairt, Oig-fhear a chul dualaich, ’S nan cuachagan troma tlath, Ge d’ bhiodh agam buaile, ’S tu dh’fhuasglain a dh’fhearabh chach. M’ ullaidh agus m’fheudal, Bu reith leam sealladh do shuil, Mar aitteil na greine, ’S i ’g eiridh moch maduin driuchd, Do bheul tana gle dhearg, Fo ’n eudan ’s guirme suil, ’S ga d’ bhi tu ad leine, ’S tu m’ aoibhneas do dh’fhearibh thu. Manam is mo rùn thu, Se cuirtear na feile a bh’ann, Cas dhìridh nan stuc thu, Ceim luthair air feadh nam beann, [TD 184] Mheud sa thug mi dhiugh dhuit, Gun d’ fhág e mo shuilin dall, ’S gu’n deanain leat lubadh, Ge d’ dhiultain tri mile Gall. Am faca sibh na’n cuala sibh Am Buachaile chràdh mo chriodhe, Buachaile nan cuachag, Nach b’ shuathach leam la na dh’oidhch, Mus e meud do shuairceas, Thug uain thu ’s nach pill thu rithist, Mo bheannachd gach uair dhuit, ’S thoir buaidh ’mach gach aite ’m bi. O’n thainig mi ’n an tìr so, Air m’ inntin gun luidh trom sproichd, A cuimhnachadh na dh’fhag mi, Cha tamh dhomh ’m baille na’m port, Oig-fhear a chuil shniomhain, Beul siobhailt nach labhair lochd, Ge d’ bhithin fo mhi-ghean, Gun innsinn dhuit e le m’ thoil. ’S comma leam ’n seann duine, Luidh gu teann air an stoc, Fad na h-oidhche gheamhridh, Cha tiondaidh ’s gu’m biodh na thosd; [TD 185] Luidhidh e gu dìblidh, Sios na shìneadh air an t-sop, Gun tarruing e strantraich, ’S teanndaidh e cuil a noig. C’uim nach labhrain caon riut, A ghaoil cha cheilin sid ort, Seann duine cha taobh mi, Ge d’ fheudadh cha’n eirich moch, Ge d’ robh aige caoraich, Seol daonnan da bhi gun toil, ’S nuar labhradh e pramhail, Bu chraiteach mo chriodh a’ m’ chorp. M’ ullaidh is mo ghradh thu, Gur raithe gach oidhche ad dheidh, Lamh stiuradh a bhata, Ga sabhaladh as gach beud, Poitfhear a’s tigh thairne thu, A phaidhidh a measg nan ceud, Giomanach nan ard bheann, Cha shlàn a bhiodh mac an fheidh. [TD 186] RANN—Le Domhnul Mac Leoid, air dha Sàmhla fhaicinn aig eiridh o ionnad na marbh, ann an Cill-Chòthain, san Eilan Sciathanach, leis an robh e air iomain le fiamh gu fiacail a bhàs, gu ’n d’fhuair e neart o Chriosd le iaradas a chum labhairt. INNSIDH mi sgeula gun mhearachd, ’S na baralaichibh e gòrach, O’n tha fianuis aig an anam, Air aimideachd gniomh na h-oige, Thainig Iamhaigh na mo choineamh, O bhial Roilig na Cill-Chòtbain, ’S chaidh mo chial fo riathladh mullaid, Trian dheth cha’n urra mi steornadh. Ghoir mi sciath bho Dhia na Cruinne, ’S dh’fhiach mi ri buinnig a chomhra; Mas a fhriamh thu shiol nan Cinneach, Riaraich mo shireadh gun dòruin, Ma chaidh briathraibh Chriosd a’ d’ bhillibh, Siathlaidh mo spiorad gun stoldachd, Na cuir lion air mhian mo mhillidh, Trial le mo ghioraig gu d’ chomhnuidh. [TD 187] AN SAMHLA. Oganuich fhòghlumicht’, mhaisich, Fògair a ghealtachd bho d’ eolas, ’N uair a dh’ òrduichir an leachd ort, Deoilidh na ceapain an fheoil dhiot; Na biodh bòsd air-son do dhreach ort, ’S bròit’ ann an glacabh an fhoid u, Ge d’ is mòr thu as do phearsa, ’S lòn i do bhrataig nan còsain. Na dean stòr a dh’òr na dh’ aiteas, ’S eoil dhomh gu’r meitailte bròin e, ’S companach leoin e do’n pheacach, ’S meoir e bho lasair na dòrainn; Olaidh e sòlas ar gaisgidh, ’S ceoil dhuibh e sheachdain sa dhònach, Pòsaidh e ’n fheoil ann an lasgraich, Stroichdidh e ’n cairsdealan dh’eoir i. MAC LEOID. An eisd u mo leughas mi facal, ’S feum aig mo lag-chuis air còmhnadh, ’S deisineach, eiltail mo thachairt, ’S reidh dhuit mo phasgadh air t-ordan, A Dhe chuir an deigh ga mo ghlachdadh, Meudaich mo neart na do dhòchas, [TD 188] ’S eirig mo ghleus gu bhi seachad, Smèid le do smachd air mo thoireachd. Aithris le sith-chainnt do thuras, ’S a chrioch o na bhuin u as t-oige, Ma bha sgiala riamh mar dhuin’ ort, Fiach dhomh do shinnid ’s do roith’din; Mar ’eil t-fhiamh mar fhiadh an fhirich, Iar cho na chruinneachadh dhònuich, ’S thoir le fianuis briathrean sgiolal, A dh’fhiachas mar ghinnadh an tòs u, AN SAMHLA. Dh’iar thu mo bhriathrin le foisdin, ’S cialach do choltas as t-oige, Lionar a fion na do chopan, ’S riathlar an fochar na gloir u, Sloinntidh mi t-fhoighneachd gun lochd dhuit, B’ oighre mi ’n toiseach air mòran, Oighre bh’air oighreachd Righ Lochlain, B’ oibhneach an toiseach mo lò mi. B’ uaimhreach mo ghluasad o m’ aitribh, Uadhmhorach, ealtuineach, stroltach, Suacheantas luainach ri m’ ghasain, Is sluagh air nach faighte ceann sgeoil leo; [TD 189] Sguab mi na h-uaislean o ’n caisteil, B’ uambhasach, ascuineach toir leam, Dualchas a dh’fhuathladh na m’ altibh, Buanachd nan creachain is foirneart. M’ ainm ann an seanachas gach fillidh, Dill dha robh spiorad is mòrchuis, ’S airmailte a’ m’ earbsa nan groinabh, ’S luingeas ga’n dinneadh le òr dhomh; Dh’fhalbh mi le meanmna ’s le sgioras, A sireadh gu tuile do phòrsain, Dhealbh mi na m’ eanachain gu milleadh, Thilleadh is bir na mo shròin mi. Dh’anameinich fairge nan sruthaibh, Shealbhaich i m’ iuthair fo dortadh, Dh’earbadh mi dh’fhalbh air a siubhal, Aimisir ma’n dhuthadh am bord dhomh; Tharruingeadh mi balbh thar gach rutha, Spealgadh mur spruthar ma dhornaibh, Ghailebhich nan stoirmibh a’ m’ dheighe, ’S fhuair mi ceann m’uithe ’n Cill-Chothain. MAC LEOID. A Righ fo na dh’fhoillsichidh beartas, B’ oibhneach leam pailteas dheth d’ chomhra, [TD 190] Anntlachd na samhluich na m’ fhaisge, Cùm mi air m’ais ’n uair is deoin leat; Labhridh mi rann mas a tlachd leat, Dh’fhoighneachd an asduir nach h-eoil dhomh, An cunntar an àm a dhol dathigh, Aimhleas air braise na h-oige. C’ aite am bheil tamh aig na gaisgich, A Smaladh na feachdibh na’n ònar, Na stàtachan, àrdanach, smachdail, A sgaineadh le’m bagradh nan Roseabh, Tairneanich lair air an lasadh, Stairleach an caismeachd mar Sodom, ’S an aireamh nach tàireadh a seachnadh, Gearte fo’n casain nan ordaibh. AN SAMHLA. Bhàsuich an lamh iad nach fac’ iad, Chàireadh an leaba gun cheol iad; Thraigh iad mar sgaileadh an t-shneachda, Dh’fhàluing an creachdain ’s a feoil iad; A chàil an robh cananean scaiteach, Fàs fo na ghrabas an leoir dhi, Stàreachd nan magarain lachdain, Gu sailibh an casain troimh scoirnean. [TD 191] An t-shuil a rinn iuil cho na coire, Cunntidh i soilleir a gòrich, An tuirn an robh sugradh ’us ceannail, Dùblidh e ’m fillidhnean fòtuis; An t-iuntas a chùin iad gu foilail, Ciuridh e ’m perigleadh ròsla iad, An uine nach cunntar ’s nach teirig, A bruchdadh nan goillein ma’n comhruin. An uaisle bha buaireadh am fala’, Bualidh i tarag na dòrainn, An duairachadh truagh a rinn dalladh, Suainidh e bannan ma’n beo-shlainnt, Fuasgladh o’n cruaidh-chas cha’n fhaigh iad, ’S cruadalach, gallach, an comhradh, ’S ualach a bhuain iad an eallach, ’S buan air an anam an ròichdean. B’ ardanach, sabhailte mise, A carnadh mo stuic ann an stoirabh, B’ àluinn mo ghairidhnean liosa, Am fàs ann an miosan gach seorsa; B’ àiliseach m’ àrach ’s mo ghibhtein, A dearsadh mar chuip san Roinn-Eorpa, B’ airaidh mo charluich na chlisgeadh, A fasachadh achdean ’us ròith’din. [TD 192] An trath-sa cha’n fhearr mi na failleas, ’S m’ ardoch mar bholadh an òtraich, ’S cràbuil an scràla gun chainneas, A tamh ann an sgaireadh mo shròina, Fàleadh mo chnamh mar a nimh dhomh, ’S làrach mo smeira na’n seoimair, Stràichda le àlach nan seangan, Sa’n lamh an ro’ ’n dealan mar bhord dhoibh. MAC LEOID. Cia fad’ a bhios tamh aca mar riut, Ge dàna dhomh faruid ma mhòran, Am fàgair gu bràth u na’n talla’, An trailealachd drabhais am pòraibh, An ceanglar do thàileantin smearail, Fo thaire nan balluichean breothidh, An aireamh na’m paistean ’s nan leanaibh, A bhàsaich ma’m b’aithne dha mheorean. Cia mar dh’eireas do ’n cholluin, A reubair le torrean nan mòr thonn, An scriobair na laip thar a ghrunn e, ’S piosean na chullidh air eoin dheth; ’S na milltean tha’n dìlinn gach tullich, ’S an daingneachd nan grinneal na’n eolain, An soillsuichir coibhneas dhoibh tuilleadh, O’n gainteirin tuiridh gu sòlas. [TD 193] AN SAMHLA. An smùrach a dhuinadh san talamh, ’S a shùith e na rannan ’s na dhudan, ’S dùradain shiubhlach na marra, A thiunntair sa ghainnibh le bùirein; Duisgir an tiunntaidh na meinaid, An cunntas a sealair an dumhlaid, ’S tròmpaidein muisaig nan Aingil, A tiunntaidh gu peinaist na mhùchair. A h-aon diu cha’n fhaod a bhi mearachd, Caoiridh na beannaibh mar èibhlean, ’S raontaibh na shaoraich iad arran, A gaoiraich mar fhaluisg na cèiradh; Faomair an saoghail-sa thairis, A thaobhanain faluich nach leir dhoibh, ’S reultidh na greina ’s na gealluich, A reiteach roimh dhealain nan speurain. Na naoimha bha cuimhneach air maitheas, Uidheamichair Flatheanas De dhoibh, ’S lainnteirean aoibhneach na Cathair, An staoireachan ratha ro’n ceumabh; Soighdfhearan boisgeanda ’n Athair, Is soighdean a chatha na’n eudain, Aig uighireachadh duighlean an latha, Do’n mhuintir nach d’ aimhairc dha’n creuchdain. [TD 194] Sciursir am bùreach sa’n ginneach, A dh’fhurneis nan teallichean deireach, Bruchdair an cul-bheart sa’n ceanairc, Umpa mar earadh nach treig iad; Duinir gach taobh dhiu mar charuig, ’S tiunntair am bannuis o cheile, Stàmpair an ceann ann san fhalachd, Air branndairean fala a cheusaidh. Ach Criosda chuir srian ris gach anam, Gu iaruidh a bheannachd sa reite, Striachdabh do dh’iaradas ceannuicht’, An Dia tha ri gabhail na saoth’reach; Cialaichaibh diaras ar calla, An iol a tha’n t-aithreachas saoir dhuibh, Sa Fiadhaire ’g ianach ma’r daras, A dh’fhiachas le lannan an eug riubh. ORAN BROIN, A rinneadh do thriur dheth nigheanaibh Mhaighstear Domhnul Friosal, sear-riaghlaidh a Gharaidh-altrum, ann an Inbhirneis. AIR FONN—Iorram na truaighe. GUR ro bhronach an t-iorram, A tha mo dhochas a sireadh bhi seinn, [TD 195] Le bhi caoidh uainn na dh’imich, Dh’fhalbh ar spòrs’ is ar mire na’n deigh; Bho na dheug na cuirp chionalt; Bu ro thla ann na’n iomairt gu leir; Tha ar sugradh air pilleadh, ’S tric ar suilean ri silleadh nan deur. ’S tric tha’n suilean-s’ aig dortadh, Mur uisge nan neoil air an fheur; Chuid is dilse san fheoil duibh, ’S goirt na saighdibh ri ’m beo tha na’n creibh; Ciod e ’n ni bheir dhoibh sòlas? Cha’n aithn’ ’s cha’n eoill dhomh fudh ’n ghrein; Mar d’ thig cumhachd—le trocair, Bho Ard Righ na gloir---bhi ris reidh. ’S gur e so ’n ni bu choir dhuinn, Ge d’ is duilich do ’n fheoil d’ thoirt da geill; Gu am biodh sinn coirde, Ris an Ti is fearr coir orr’ dha fein! Bho’n thug se dhathigh gu gloir iad, Is sinne buailteach an conuidh dol eug; Gu’m bidh sibh rithist riubh comhluadh, So ’n ni ’m bheil mo dhochas gu treun. So an ni ’m bheil mo dhochas, Ge d’ nach urr’ mi chomhra’ le ceill; [TD 196] Bho n’ tha dalladh air mòran, Tha cuir na tuigse ro mhòr ann an eis; Ach na sealladhmid seoilta, ’S nach fada na’r comhnuidh fudh n’ speur; Cha bhidh ar cridh co ceanghailte, Ris an t-shaoghail, na’n fheoil, theid bho speis. Ach tha’n saoghal, ’s fheoil so, Co mealltach an cònuidh le cheil; ’S ge do bheireadh iad sòlas, Gur tric leo thabh’rt bròin dhuinn a reis; Ge d’ bu mhòr saibhreas Ioba, ’S e aig siubhal co comhnart ’s gach ceim; D’fhuair e dhuillcheas, ’s a dhoruinn, ’S dheth nach urra neach comhra’ na sgeul. Ach ’Thi cheuduich dha doruinn, ’S tu a leighis gach leon, is gach creuchd, A rinn a namhad ’s an fheoil air; ’S tu a dh’aisig dha sòlas gun eis; Seall-s’ oirne d’ ar comhnadh, Is sinn’ co ro mhòr ann an teinn; Bho n’ chaidh ar spuilleadh dhe’n ogradh, Ga’n robh gliocas, is eolas, is beus. Bu ghoirt a bhuille bha’n tòs dhuinn, Bu tuilleadh ’s na leoir i d’ ar cradh; [TD 197] Mar bha Hennidh ’chul bhoidheach, An uar a bha i gun chomra, gun chainnt’; Cia bith thuar ort fein eolas, ’S a hha ga t-fhaicin ’s an t-sheol ud ’s an àm, Gu’n robh an criodhachan brònach, ’S an suilean aig dortadh na’n deann. ’S bu bheg an t-ionadh leam fhein sud, ’S do chorp mìn, maiseach, finealt’ gun ghabhd; Bhi ga ruitheadh, ’s ga shineadh, ’S an robh gibhtin bha priosail, neo-ghann; ’S gu ’m b’ àilleagan Righ thu, D’ thaobh àillteachd, gun di-mheas bhi ann; Le blaths maise na firinn, Co comhnard, ’s co direach, gun fheall. Gu’n robh t-aigne is t-inntin, Air a caisrig’ le iobairt a ghraidh; ’S gur iomadh aon tha ga innseadh, Ge d’ nach canainnsa ni dheth gu brath; Ach, bho n’ tha mullad aig strith rium, Cha ’n urra dhomh bhi na mo thamh; Gun bhi labhairt a shioradh, Mu na meanghain is finealt bha fàs. B’ iad sud na meanghanaibh finealt’, Gun fhios cia an ti dhiu bu tàir’; [TD 198] Ann an stuaimeachd ’s an mìneachd, Aig tabh’rt barrachd air millte na’n la; An te b’ oige dhe n’ tri ud, Gu’n robh teistanas cinnteach roimh a bàs; Gu’n robh cumhnant’ na sith ri— Air a dheanabh le Ard Righ na’n gras. Gu’n robh ’choslas ’na fiamhachd, Bhi gun fhearg, is gun fhiaras, ’s gun sgath; Faoilteach, tairiseach, tiaral, Aoigheal, farasde, briarachal, tla’; Ann am beus, ’s ann an gniamhara’, Bha thu bannal; ’s tu fiallaidh ri cach; ’S e dh’ fhag ar n’ osnuich co lionmhor, Bhi aig cuimhneach bhur briodal do ghna’. ’S e dh’fhag ar ’n osnuich co lionmhor, Is dealbh bhur fiamhachd mar bha, Bhi co tric ann ar fianuis, Ar criodhachan riabhde gu làr; ’S ge d’ is duillich an sgeul-sa, ’S ge gle mhòr an deuchuinn na dha; Cha ’n fhusa’ e ri leabhadh, Bàs Sheine ro bhriagh, gheal-bhàn. Cha’n fhusa’ ri luaidh dhuinn, ’S goirt a bhuill’, ’s gur cruaidh tha i oirn’, [TD 199] Ge d’ bha ar ’n acan co truagh dhuinn, Leis na lotan a thuar sinn an tòs; ’S so an taicaid is cruaidhe, ’S sinn co lag air ar bualadh gun treoir, Air fullasg’ ’s air fuadach, Gle mhulladach, gruamach, làn broin. Tha ar bròn oirn’ an uachdar, ’N am luidh is gluasaid gach lo; Gun fhuirisd, gun uaradh, Mar thonnain a chuain tha mi-stoild; Tha ar n’ aigne air luasgan, ’S aig taomadh ar smuaintin le deoir; Bho n’ chuir iad ’s an uaigh thu, Gheug mhaisich, ghlan nuagheal, bu bhoidhich. A gheug thaitneach ’measg sluaigh thu, Mhin, mhatheant’, lan stuameachd bho t-oig’, Bha do bheachd mar bu dual duit, Ann an cleachdadh ’s an suach’nas mar b’ choir; Gu’n robh an reachd ud riut fuaidhte, ’S air a dheachadh ’n a d’ bhuaidhibh gun gho; Bha n’ h-uile ’s deagh bhuaidh ort, A b’ urr’ fàs mun cuairt’ air aon fheoil. ’S ge do rachuinn ga ’n aireamh, ’S beg a b’ urra mi ghraite—’s ann diubh; [TD 200] Dhe n’ bha ghibhtin, ’s do ghrasan, ’S do ghliocas, ’s do aillteachd riut dlu? Mar chraobh ubhail fudh bhla thu, ’Measg chraobhan a gharaidh bha thu; ’S e dh’fhag duhhach gu brath sinn, Thu bhi ’n Cnoc-Mhuire air do charamh ’s an uir. ’S e dh’fhag dubhach fudh phramh sinn, Sibh bhi uile fudh ’n fhad ann n’ ar triur; ’S ge d’ tha so duilich le ’r cairdibh ’S iad bhur n’ athair ’s bhur mathair tha ciurt’; ’S aig bun an criodh ’s an arnaibh, ’S ann tha ’n goirteas ’s am fasgadh is mò; A thuar an leagadh bha craiteach, Bho ’n thug an t-eug bhuath an àlach mar spuill’. ’S goirt a chnead tha na’m braghad--- Nach leighis, ’s nach slànuich ri uin’; Cha dean leighichean sta dhoibh, Na iochdshlainnt a charadh iad riu; Ach ’n Ti rinn ’m briseadh ’s E charas, ’S Esan ’n ni ’n airde gu dlu; Na h-uile nith mar is àill leis; Biths’ mar bharant’ an trath-s’ air an cùl. So ar ’n ach’mhnuich a tha riut, Mu na chuid a’ ta lathair ’s an uar; [TD 201] Gu ’n dean thu an saradh, Le piseach, is grasan, is buaidh; ’S gu ’n gle thu bho n’ bhàs iad, ’S gun d’tho’ir thu dhoibh dàl a bhi buan; Le mòr thoil-inntin bhi ’n dàn dhoibh, ’S le beannachd na chaidh thoirt uadh. ’Sge d’ tha sinn’ aig farachdain, Gu’m bheil an carachdain-s’ cruaidh; ’S e th’ann smachdain ath’ral, A tha coimhneal is barraichd an truas; Eisd-s’ ri ’r caoidh, is ri ar gearan, Is dean gach earroinn dhoibh suas; Do na chuid a tha marthuinnt; ’S gabh an curam-s’, ’s an aithris so uainn. ORAN LE RUARIDH MAC MHUIRICH, ’N uair thainig e thamh do Ghleanneilg. A Chiad dialuan do’n raidhe, Ge d’ bha mi leam fhìn, Cha d’fhuair mi duine an là sin, A thainig am ghaoith, Dh’fhiar’aich cia mar bha mi, Na’m b’àil leam dhol sios, [TD 202] An tòta mhòr so fhàgail, Nach b’ aite dhamh i, ’Soilleir dhuinne far chach uile, Nach robh dhuine is tìr, A chumadh fear mar chach mi, Mar b’àbhaist dhamh bhi. Sin ’n uair chuala Fearchar, Mi ’n dearmad aig cach, Thainig e na m’ chòdhail, O’n b’ eoil dha mo ghnais, Thug e leis air scoid mi, Gu seoimar a mhna, Anna lion a stòp dhuinn, ’S na sòr oirn’ a làn, Ge d’ tha e falamh ’s ro mhath ’n airidh, Ghlaine so tho’irt dha, ’S gu faigheadh e luchd eolais, Na ’m bioidh a phòca làn. Labhair a bhean choir sin, Gu banail, eolach, glic, Fhaichd u ’n t-uan gun mhathair, An clàrsair gun chruit, An leabhar gun leabhair, ’S e bheus a bhiodh druit, [TD 203] ’S an dorlach gun fhuasgladh, A suanaich a bhruic, Ge d’ tha u falamh ’s ro mhath ’n airidh, Ghlaine so tho’irt dhuit, ’S gu’n olamid a dhà dhiu’, Air slainte an fhir bhric. An ’i so tha mi ’g iomradh, ’S a ’g iomagan do ghnà, Cha cheil mi air do mhuinntir, Gach puinc mar ata, Ge h-eibhinn leam ri chluinntin, An t-saoidh a bhi slàn, Sgeul nach taitneach leam-sa, Ma dh’iumalaid u gnàs, Fàth mo ghearan a bhidh falamh, ’S mi tamal o d’ laimh, ’S faide an fhead na d’eibheach, ’S an fheasag air fàs. Ge d’ fhuilingir gach ni ’s fheudar, ’S neo-eibhinn le m’ rùn, Thusa bhi’n clàr sgithe, ’S mi ’n tir air do chul, Le m’ fheasaig leathuin, leomach, Gu ròibeineach dlu, [TD 204] ’S thusa aig giulan malaid, A ghnàs ann san dùn; Fhir bhric bhallaich, meall na bharail, ’M fear a thuirt o thùs, ’S fad o’n chriodhe cheu’na, Na ’s cein o bheachd suil. Ge d’ tha mise ’n trath so Da m’ àrach fada bhuait, Sloinnidh mi mo phairt, Ris gach nàbaidh ma’n cuairt, Ma ’s beag na ’s mor a dh’fheudas mi, Spreidh chuir a suas, Bithidh sid fuidh iochd na’n sàr-fhear, Nach sàraich am fuachd, Re la gailliun an ard bheannaibh, ’S iad nach gearain uair, ’S tric an siubhail sealbhach, Air shealg do’n taobh tuath. Tha fir ghasta bheoghanta, Aig Eoghunn Lochiall, Nach seachnadh an toireachd, ’N àm togbhail nan triath; Rachadh iad gun sòradh, Ann comhdhail na’n ciad, [TD 205] ’S math am fulang dòrainn, ’S tha croidheachd na’n gniamh, Fir ro ghasta nach ’eil meata, Nach d’fhuair masladh riamh, Mhathis mo chuid dhomh-sa, ’S mi ’n dochas gur fior. ’S iad clann-mhic-bheul-anfaidh, ’S oirdheirce gniamh, Luchd shiubhail a gharbhlaich, ’S a mharbhadh nam fiadh, Cha d’fhuair iad abhar oilbheum, Mar folbhadh iad sliabh, Cha dean iad a bheag orm-sa, ’S nach lorgair mi ’s fiach, Mo chreach ma’n coinnibh ’s i fui’a comraic, B’ e ’n comunn mo mhian, Buachaillin mo threud, ’N uair nach leir dhoibh a ghrian. Tha sliochd Ian Mhic Mhartuin, Gu tabhachdach treun, Raghuinn air an Naimhdis, An cairdis, gun bhreug; Cha bhuin iad ri falbheairt, Mo lamh-sa nach speis; [TD 206] Far n’ isle an garadh, Cha ghna leo a leum, Na fir ghasta gun bhi meata, ’S iad nach seachuinn streup, Le ’m beirir buaidh gach sbairne, Ann ’s gach aite dha ’n d’theid. Clann-aphìdh re ’n seanchas, ’S neo-leanabaidh na seoid, Buidhein nan sgiath ball-bhreac, A dhearbhadh an gleois, ’S iad nach seachna fuathas, ’N àm bhualadh nan sròn. Ge b’ e chureadh fearg orr’ Cha b’ fharmadach dhò, ’N àm tarruing nan lann tana, Caisgir carraid leo, Buille ’n corp cha bhuail iad, Tha uaisle na’m pòr. Clann Mhic’ille mhaoil mhuinte, Bha cliu orra riabh, Buidhin tha doi-cheannsaicht, Is ceannsgalach triall, Re faicinn an naimhdin, ’S neo-sgathach an triath, [TD 207] B’ annsa liobh ruaig shanntach, Na teanntadh la fiamh, Laochraidh guinneach nan arm fuileach, ’S mairg re ’n bhun sibh riabh, Tha nimh as neart ’nar naimhdeas, ’S ar cairdeas gun fhiar. Tha aig Colla comhlain, Nach conlapich gleus, Luchd na’m feadan dubhghorm, Nach diultadh ri feim, ’N àm na graide dhusgadh, Gu ’n dubladh bhur feim, Bha fios aig Mac-an-Toisich, Nach sòradh iad ceum, Dol na choinnibh san là shoilleir, ’S gun iad coimeas cheud, B’ annsa dol da bhualadh, Na buaile ’n fhir theud. ’S iad sliochd Chollaidh chiosmhoir, Do rireadh a th’ann, Nach leigeadh le musag, An cuis thar an ceaun, Misneach cha do threig sibh, ’N streup Chlanna Gall, [TD 208] Cha bu dual diobh mio-sta, Na miothuireachd ghann, Na fir churanta fhuair urram, Ri h-àm iomairt lann, O minig luchd an abhair, Gu craobhach a call. Maille ris gach suairceas, Bha fuaighte ri ar gnè, Tharuing sibh mar dhualchas, An uaisle ’n ar Clèth, Gu creachadh cha do ghluais sibh, Cha chuala mi e, B’ annsa liobh teun chluaise, Thoirt uam le m’ thoil fein, Na mo chreachadh ’s an dol seachad, ’S mi na m’ airc mu’m spreidh, ’S mi gun eagal tuairgnedh, ’S mo bhuaile fuidh ’r meinn. Tha Gleangaradh Ceansgalach, Conspanaich cruaidh, Chumadh ri luchd ainrad, A chonspaid ud suas, ’N am tharuing gu sanntach, An lànn as an truail, [TD 209] B’ho lain do luchd gaintaish, Sa ’n àm ud bha uaibh, Biodh ceim criodhail air reing tri-ear, Cha ghleidh bruinne buaidh, Aig buinn mhor cheann-ard, Nach teann mo chuid bhuam. Tha an taichde na laimhe, An Ceantaile so thall, Fir ghasta neo-sgathach, Ga’m b’ abhaisd bhi teann, Ri faicin a namhad, Nach faileanach greann, Ga’m minig buaidh làrach, Le abhachd an lann, Neart chlaimhe b’e air roinn, Nach d’fhàs fathasd fann, Coile ’s i gun chrionach, Gur lionmhor a clann. ’S iad march na moidhe, Fir chròdha na’m buadh, ’M bheil annaichd is eolas, Nach sòradh an duais, Clann Choinnich nan roisail, Na cròdha mhillin sluaidh, [TD 210] Na bearachin beodha, Ga coir a bhi cruaidhe, Dream gun luighde, Ri am troide ceann a chabraich suas, Aig luchd nan gorm lamh laimhdhich, Nach sanntaich mo bhuar. ORAN DO THROTORNISH. CIAD soghraidh bhuam thar m’ eolas, Gu Tròtoirnish far am b’ ait leam bhi, An talamh maiseach, boidheach, Tha miosal, ceolmhor, maircaideach, Far am bi na daoine coire, ’S iad fialuidh, mor, neo-acanach; Mnathain uaisle, suairce, comhradeach, Gun ghruaim, gun bhròn, na’n achlaisin. An duthaich ainmoil, mhuirneach, fhoirmail, Mhiosail, mheanmnach, mhacanta, Far lionmhor sealg is iasg na fairge, Dlùth ga mharbhadh faisg orra; Bithidh bradan taragheal, iuchreach, mealgach, Iteach, earrachaoil, breac-lannach, A fonn is dearbha chinincheas arabhar, Lionta, ceanna-mhor, pailt-ghraineach. [TD 211] Sin an duthaich thioral, Far an eirich grian le moch-eiridh; Gu lubach, strathach, iosal, Tìr noineach, mhìneach, lusanach; Tìr sguabach, chruachach, lionmhore, Tìr mhiosal, bhiachar, thrusganach; ’N tìr mhor bha coir gu fialachd, ’N tìr chàroil, thioroil, chuirteasach. ’N tìr uasal bhlath, gun chruas, gun chàs, ’S iad suas fo bhàr gu buiceanach, A fonn a b’fearr bho shliabh gu traigh, A fàs fo bhlath gu ruiseanach, Crogh laoigh ’s gach aite sír bhreith àil, Gu bliachdach, dàreach, sruth-bhainneach, Gur binn leam gairich fuaim nam bà, ’S iad suas ri aird nan uchdanan. Na h-oighean mine, boidheach, finealt, Suairce, sithoil, iriosal, Gun chruas, gun sgios, gun chàs, gun ni, ’S iad uasal, sithoil, iriosal, Bidh pairt dhiu sìr chuir aird ni, Gun sgath, gun sgios, gun iomardan, ’S bidh cach mar chi le lamh nach clíth, Ri fuaithal siode is grinnisean. [TD 212] Bidh daoine tapaidh, coir ann, A g’ òl ma bhòrd gu h-ealanach, Nach fann, ’s nach gann ma’n pòca, Gun storas dhoibh a teirachdain, B’i sid an fhinne mhor’lach, Clann Domhnuil mhor nan Eilanean, Nach inntrigeadh san dobheairt, ’S nach toisich air ni cheileadh iad. Na seoid bha treun an àm an fheuma, Cruaidh an streup sa’n fearachas, Gu h-eolach reith a siubhal sleibha, Nach d’thoir geill dh’anagraisg, Bu lionar fheileadh air crios èile, Breachdan eutrom, tana-chaoil, ’S ann leibh nach eibhte chiad retreuta, A dol sa’n treud gu caithriseach. ’N uair thogte bratach bhalabhreachd, Gu h-armach oscionn chuiridhnean; Gach oigfhear treubhach, dealbhach, Bu gharg iad ’n taobh chuireadh iad, ’N uair dh’eiradh friadh is fearg orr’, Gu h-ainameineach, garg, guineideach, Gu claidheach, sgiathach, armach, Gu h-earadhand air earra ghunainean. [TD 213] Bidh luingeas breid-gheal, cuan ga reubadh, Sgodach, speuchdach, fulluingach, Sa leoghain threun as airde leum, O ’s meirg dha’n fheudair fuireach ris, Lamh dhearg gu euchd air cinn ga reichdadh, Bruchdach, ceusach, fuileachail, Bidh feoil gu feasd aig eoin nan speur, ’S theid cota an eug air iomadh fear. ORAN LE UILLIAM ROSS. LUINNEAG. Hò ro ladie dhui’, hò ro eile, Hò ro ladie dhui’, hò ro eile, Hò ro ladie dhui’, hò ro eile, Gu’m b’eibhinn le m’aigne, An ladie na’m feudadh. NACH mireagach Cupid, ’S e sugradh ri mhathair, Dia bruidhneach gun sullean, An duil gur ceol gair e, A’ tilgeadh air thuaiream, Mu’n cuairt anns gach aite, A shaighid bhig, ghuineich, Mar a’s urrain e sathadh. [TD 214] Bha sagairt ’s na criochan, ’S bu diaghaidh fear leughaidh, Air dunadh le creideamh, ’S le eagnaichd co eudmhor, ’S b’ann a cheann eagair, A theagaisg bhi beusach, Gun ofrail a nasgadh, Aig altairean Bhenuis. ’N uair chunnaic a Bhaindia, Fear teampuil cho duire, Gun urram dh’a muilteachd, Gun mhiagh air a sugradh, Chuir i ’n Dia dalldach, Beag, fealsach, gun suilean, D’fheuchain am feudadh e, A ghleusadh gu h-urlaim. ’N uair dhiuchd an Dia baothmhor, Beag, faoilteach, mu’n cuairt da, Gu’n thilg e air saighid, O chailin na buaile, Chaidh an sagart na lasair, ’S cha chuirt’ as gu la-luain e, Mur bhiodh gu’n gheill e, Do Bhenus san uair sin. [TD 215] ’S b’ e aidmhail an Lebhit, ’N uair a b’ eigin da umhlachd, Gu’m b’fheairde gach buachaille, Gruagach a phusadh; ’S bha cailin na buaile, Cho buan ann a shuilean, ’S gu’n robh i na aigne, Na chadal, ’s na dhuisgeadh. ’S e fath ghabh an Sagairt, Air caidridh na h-oighe, Air dha bhi air madain, ’G a h-idmhail na seomar, A glacadh, ’s a leigadh Air leabaidh bhig, chonaird, ’S mu’s mathadh e peacadh, Bhi tacan ga pogadh. [TD 216] ORAN DO SHIR EOGHAN CAMRON. THA mo chiabhan air glasadh, Tha iad liath o chionn fada, So i bhliadhna ghreas m’ acaid, Dh’fhag seanntai mo leachda, Gun mo cheannard am thaice, Leam is bliadhna gach seachduin, Bho ghluais Eoghan air aiseag do’n Fhrainc uainn. Gur beag mo chuis aighir, Nach olc, truagh, leibh mo ghabhail, Chaidh an tuadh bhar a samhaich, Ceannard gair an t-sluagh chatha, Ga m’ bu chaisteal an claimhe, Craobh bu shine do’n abhul, An leabai uaigneach na luidhe san teampull. Tha mo chriodhe na spruthar, Tha mo ghruaidhean air dubhadh, Bho’n fhuaradh fath air ar buidheann, Aig eas Feilig na’n siubhal, Bu mhor an t-ainm bh’air ar puthar, ’N uair a nochd am breid buidh ri crann duibh. [TD 217] ’S mise dh’fhaodadh a ghraitin, Nach robh subhachas saibhir, Gun robh dubhachas gearr uainn, Bu dosgach toiseach an mhairt dhuinn, San am ’n do shiubhail an t-armunn, Mar tig iad gun fhardal, Na leannabh a bhrathar, Ri cuidich an t-alach a th’ann dhuinn. Leoghunn fuileachdeach, euchdach, Sunntach, flaitheasach, eibhinn, Sar mharcach nan steud u, Blar na carraid cha d’eist u, ’S tu gu’n cuireadh bho cheil iad, ’S nach iaradh ’n reite, Bu leat onair na feinne, Dhearbh is chomhdaich u fein ann ’s gach ball e. ’N uair a dh’eireadh a shluagh leat, Meinmneach, aigeanteach, uaibhreach, Fraochail, fuileachdach, buaghail, Cha bu tilleadh bu dual duit, Do chinn finne ma d’ ghuailibh, Cha b’ann le giorag a ghluaisd iad, Dol ann an iomairt an fhuathais, Naile chuirte leat ruaig air do naimhdean. [TD 218] Oidhch Ardrainich an toiteil, Thilg a ghraisg ort mar spott e, Bha na tighearnan goirt dheth, Trom, chreuchdach, fo lotaibh, Bha Diuc Atholl gu h-olc dhuit, Cha robh a chriodh aig a nochdadh, Gun do ghleidh u do phosta ga an-toil. Latha sin Shioraimiuir, Latha dosgach a mhi-ghrais, Bha ioma duine fo mhi-chliu, Do luchd muinntir fo mhi-ghean, Aig tuaileas luchd miruin, Nach b’ urrain co strith ribh, Nach gabhadh gu dilinn, Ri linn teachd ad fhianuis, Nach biodh iad dilis ’s gach am dhuit. Co b’ urradh ga t-airis, Sa ’n aird-niar do na fearabh, Dh’fhear do staoile ’s do chairrium, Iad aig iaraidh gu t-fhearunn, Bha gach namhaid na charaid; Fhuair u reite mhic Cailein, Morfhear Shurtaigh nan seang-each, Cha robh feum doibh bhi d’ leanailt, Thug Mac-an-Toisich toirt th’airis le taing dhuit. [TD 219] ’S iomadh buaidh bh’ ort Ri thaogha, Dol an lathair an lagha, Cha bu sgathaire claoghair, A chuir cuis air a h-adhairt; Bhiodh tu dan ann an aghai, Bha thu ard ann an fradharc, ’N ceill, ’n gliocas, san meothair deadh-chainnte. Chuis bu chruaidh ga leanailt, ’S tu gu ’m suasgladh gach sparrag, Gu’m biodh t-uaislean aig baile, Bhiodh do thuath ort mar eallach; ’S beag an curam roimh ainnis, ’S tu mar chulraing ro dhaingnean, Dol air beula gach barra, Cha togtai dhiot ceallag gun challtach. ’S maith a mharaich thu ’n saoghal, Bha aoidh Dhia agus dhaoin’ ort, Cha bu ghliocas dh’fhear t-aobhair, Teachd le nithinnibh faoin; Teachd gun fhios ort cha’n fhaodadh, Cha bu shugra do chaonnag, Bhi ga dusgadh gun aobhar, Bu tric fuil agus faoibh air do naimhdean. [TD 220] ’S og a dhearbh thu do ghaisgeadh, Fhir bu chuimhnich air tapadh, Rinn thu seasamh gun snasadh, Ann an aghaidh gach gach prasgan, Bhiodh tusa gach maduin, Gach aon la a cuir as doibh, Cha leigeadh fiamh dhoibh cead cadal na’n campa. ’N uair thainig ainneart fir Shasguinn, ’N deigh Riogh Tearlach a ghlacadh, Sa chuir gu bas ann an aighearr, Bha gach Rioghachd air snasadh; Gheill Albainn le bagradh, Liubhairt orm ’s ga’n toirt seachad, Gun do ghearradh biadh maidne, ’S gu’m bu mhiosail na h-Abraich sa’n am sin. ’N uair thain’ an dlioghach ga aite, Oighre a chruin a bh’air Tearlach, Sa chaidh thu na lathair, Rinn thu umhlachd ga ghrasan, Thoirt do chlaidheamh a sgabart, Thug e earail ga ghardaibh, Gun t-airm a ghabhail ad laimh bh’uait, Thug e teistaneas laidir, Gu’n robh u dilis le d’ phairti n’àm ain-neart. [TD 221] Sheas thu corr as tri bliadhna, Fhuair thu reite agus sith-chainnt, Agus onair ’s gu ’m b’ fhiach thu, Bha ’n airm fein aig do lionsgair, Air gach causair ga’m fiachainn, Gun an mianna ga’n iaraidh, ’N uair nach faigheadh cach sgian fo’n commanda. Cha robh seanalair aite, Fhuair comas air airde, Ann sa’n t-seirbheis bu ghna leat, ’N àm fuathais na gabhadh, Na shuidhichadh lathrach, Na chruinnicheadh gaidhil, Nach iaradh th’ar chach thu, Naile ghabhadh iad pairt ad thoil chainnte. ’Stigh an criodha do dhucha, Togail bhallacha dubailt, Cha’n fhachda dithis na aon-duin’, Tigh na sabhal, na smuidrich, Bean na leannabh gan rusgadh, Mart ga gearradh fo luidhean, Thu fein mar bhuachaille cuil orra, Aig mead an eagail sa’n curam roimh’d cheannsgal. [TD 222] ’S aoidheil, onarach, buaghail, An ceill, san gliocas, san cruadal, Ann ’s gach meas mar bu dual duit, Gun do ghleachdair bhi’n uachdar, Na neach a nochdadh sa ’n uair sin duit naimhdeas. Beairt is measa rinn t-uaislean, ’S iad a lathair san uair sin, ’N deigh gach cliu gan d’fhuair thu, ’S gur tu b’urra ga’m fuasgladh, Aig a bhaile agus uaithe, Do chorp priosail gun truailleadh, ’N am bhi treabhailt na h-uaighe, Nach do nochd iad do shuaicheantas teann ort. LUINNEAG GAOL, Le Domhnul Macleoid, dha Leanain, ann sa’n Eilan Sciathanach. Hòriun ò gu bheil mi tuirseach, ’S m’ eallach làn o dh’fhag mi ’n duthaich, Le ro mheud sa thug mi rùin duit, Dh’fhag e mo shuilean gun leirsinn. DH’FHAG mi slàn mo sgathain beo-shlainnt, Snathaine m’ àruich, ’s geard mo dhochuis, Cail mo bhlàis is fàin mo stoltachd, Baigh na h-oigh le deoin nach treig mi. [TD 223] Ranuig fiamh mi lion mi ’n curam, Thainuig sgial air mhian mo spuilidh, Dail cha dean mi fianuis cursta, Caiream m’ iuil an taobh tha meudail, A reula chaich ma cheang’lair pùsd thu, ’S ceum gun tamh air m’ fhailt’ air h-iunnsaidh, B’fhearr gu’m fagadh a bhean-ghluine, M’aithnean bruite an tùs dhi m’fheuchain. Molachd siannt air riathladh Chupid, Spuir na chliabh aig iaraidh cuis dhiamh, ’S m’earadh riabte an cliath nan cuilean, Sgian na dhuirn an duil ri m’eirig. Chaireadh lian an nial do dhearsaidh, ’S tarair ciadan cialuidh an sàs ann, Phairtuich Diadhean pian o d’ àileachd, Dhialas faistein, phlaigh, is chreuchdain. ’S leoir mar dhiachuin leam do m’ namhad, Pòg o d’ bhial ’s do ghniamh ga aicheadh; Co nach striochd le fiamh do ghaire? Ghrian dha’m paigh iad mal o’n creibhaig. Càs mo chreuchd fo sgeith na lubas, Lamh a bheud a reubas uir dhomh; [TD 224] Dh’fhas mi ’n eilt mar feidh nan stuchd-bheann, Dh’fhag mo lus mi dh’iunnsuidh m’fheacoig. ’N àm bhi tamh air sgath nan bruachag, Sceod o m’ ghradh ma bharr mo ghuailean, Gair nan gràs a snamh romh m’ chluasan, ’S ràs nam buadh le fuaim fo m’ eideadh. Leigh mo cheille ’s teud mo dhàn u, Spàl mo cheutaibh, ’s raimh mo thaleisg, Mo gheibh eug na beistin fath ort, ’S ceile am bàs fo chlaruich fein dhomh. Thiunntaidh sunnt mo chonn ’s mo ghaire, An cunntais phunnt a dhumlaid pràisich, ’S gu’n leig m’ iunntas ùmpa a h-àileadh, ’S uir gach là rium plàsda seididh. [TD 225] MUIRT GHLINNE COMHANN. MILE marbhaisg air ’n t-saoghal, Tha e carach mar chaochladh nan sion, Gach ni nach guidhemid fhaotain, Mar na sruthaibh aig aomadh a niòs, Si chneadh fein th’air gach aobhar, Bhios gach duine ga chaoineadh ’s e tinn, Breith mhic samhain air saoidhin, Teachd a ghleachd rinn a thaobh cul ar cinn. A Riogh fheartaich na greine, Tha ’n cathair na feile dean sith, Ri clann an fhir a bha ceàtach, Nach bu choltach ri cheile fir chrion; ’N uair thogta leat bratach, Crainn chaola, fraoch daite, ’us piob, Bhi mhnai gaoil le fuaim bhasa, Caoidh laoch nan arm sgaiteach san stri. Gun robh aignai’ duin’ uasail, Aig a bhaile agus uaith ann ad choir, Cha bu gheire gun tuigse, Bha’n sa bheul bu neo-thuiteamach gloir; [TD 226] Ceann na ceile ’s na cuideachd, Rinn na h-eacorach cuspair do t-fheoil, Cha b’ e ’m breugair a mhurtadh, Aig luchd sheideadh nam pluicean air stòl. Ach duine mor bu mhaith cumadh, Bu neo-sgathach an curaidh gun ghiomh, Cha robh barr aig mac duin’ ort, Ann an ailleachd san urigleadh cinn; Ann sa bhlàr bu mhaith t-fhuireach, Cosnadh làrach is urram an Riogh, Mo sgreid chraiteach a fulachd, Bha ’s tigh chlaraidh ’m biodh furan nam pios. B’ iad mo ghradh na cuirp gheala, Bha gu fiughantach, fearail, neo-chrion, ’S mairg a chunnaig ar n’ uaislean, Dol fo bhinn an luchd fuatha gun dion; Ach nam biodh-mid na’r ’n armaibh, Mun do chruinnich an t-sealg air an tìr, Gu’n robh cotaichean dearga, Gun dol tuilleadh do dh’armailt an Righ. Cha b’ e cruadal an criodhe, Thug dhoibh buannachd air buidhinn mo ruin, Tilgeadh luaithe na citheabh, Sud a chuis a bha mi-shealbhach dhuinn; [TD 227] Eidir uaislean a’s mhithibh, Gun robh ’n uair ud ruidh oirn bho thus, ’O ’s i ’n uaigh ar ceann-uighe, Biaidh na sluaisdean friothaladh dhuinn. Cha b’ i sud an fhuil shallach, Bha ga taomadh mu’n talamh san ghleann, Sa liughad umaidh mar ghearan, Bha cuir fudair na dheannuibh ma’r ceann; A Riogh dh’umhlaich na h-aingil, Gabhsa curam d’ar n’ anam a’s sibh thall, Chaidh bhur cunntas an tainead, Le garbh dhusgadh na malairt a bh’ann. Thrus do chinneadh ri cheile, Dheannadh coinne ’n de ann sa’n dùn, Cha d’ aithris thu sgeula, Fhir a b’ uradh a reiteach gach cuis; Ite dhaingneann an sgeith u, Sa’m baranta treun air an cùl, Bidhi la eile ga reiteach, ’S mise druite fo dheile san uir. Gu bheil mise fo mhulad, Bhi ’g amharc ’ur gunna air steill, Sàr ghiomanaich ullamh, Leis an cinneadh an fhuil ann sa bheinn, [TD 228] Ann am frith nan damh mullaich, Far an deantar libh munasg air seilg, Ge bu tric sibh ga’n rusgadh, Cha d’ iar sibh riamh cunntas na’m bein. Cha bu sgathairin gealltach, Bhiodh a muitheadh an gaisgidh gach la, Tha sa ’n eilean nan cadal, Nach duisg gus am faicear am brath; Luchd dhireadh nan Eitbheann, Le chuilbheirean gleusda air an laimh, ’S lionar fear nach d’ rinn eiridh, Bha na ghiomanach treun air a hearr. Cha d’fhuair sibh riamh leigh, A leigheas na’n creuchd gun bhi slàn, Call na fala fo’n leintibh, Bha na fir bu mhor feile ri luchd dain; Nam b’ e comhrag na Feinne, A bhiodh eidear sibh fein ’s clann nan Gall, Bhiodh eoin mhollach an t-sleibhe, A gairsinn salach air creubhagan chaich. ’S lionar fear tha toirt scainnil, Do’n Tighearn’ og th’air an fhearunn so thall, Eadear ceann locha Raineach, ’S rutha Shleite ’s bun ghairai nam beann, [TD 229] Bha u t-fheichibh gle dhaingneann, Far an eisdeadh ri d’ theangai ’n cainnt, Mar urabal peacaig an taruing, ’S mar ghath reubaidh nan athrach gu call. Leum an stiuir far a claiginn, Le muir suigh ’s gun sinn ath-chainteach dho, Dh’fhalbh na crainn ’s na buill bheairte, Is leig sinn uallach na slaitte air a sgod: ’S bochd ’n dusgadh sa mhaidinn, So fhuair sinn gu grad a theachd oirnn, Ma gheibh sinn uine ri fhaicinn, Bheir sinn fuchda munseach air a chlo. CREACH NA CIADAIN. THA mulad, tha mulad, Lion mulad ro mhor mi, ’S ge do ’s eigin domh fhulang, Tha tuillidh ’s na leoir orm, Thromaich sachd air mo ghiulan, Le dumhladas dorainn, Dh’amais dosgaich na bliadhn’ orm Creach na cíadain so leon mi. [TD 230] Creach na ciadain so leon mi, Dh’fhag mi breoite gun fhiabhras, A dh’fhogair mo shlainte, ’S tearc mo bhrathair ’s na criochabh, Agam glaodh an loin bhronaich, ’N deigh a h-eoin ’s i ga iargain, Dh’fhalbh gach sòlas a b’ abhaist, As dh’fhuirich cailein a m’ fhiacaill. Dh’fhuirich cailein a’ m’ fhiacaill, So i bhliadhn’ a thug car dhamh, Dh’fhag puthair fo m’ leinidh, Nach fothair leigh tha air thalamh, Mo leigheas cha’n fheadar, Cha reth dhomh bhi faillain, Fhuair mi dinneir la caisge, ’S cha b’fhearde mo ghean i. Cha b’fhearde mo ghean i, Ge do bha mi mu’n chomhroinn, ’N diugh gur buan dhomh ri aithris, Gun do bhuail an t-earrach-sa bròg orm, Mi m’am mhaighsdir gle mhaith, ’S fad a leus orm nach beo e, Ge do rachadh mi seachad, Cha’n fhaigh mi facal dheth d’ chomhradh. [TD 231] Cha’n fhaigh mi facal dheth d’ chomradh, Chleachd mi moran dheth fhaotainn, ’N diugh a dh’fhaodas mi raitin, Gur uan gun mhathair san treud mi, ’S ann is gna dhamh bhi tursach, Gun bhrath furtachd as t-eagais, ’S o n’ a chaochail thu abhaist, ’S tearc a chaoidh mo ghair eibhinn. ’S tearc a chaoidh mo ghair eibhinn, Cha bheus dhamh bhi subhach, Ghabh mi tlachd dheth bhi tursach, Chuir mi uigh ann bhi dubhach, Ma’n ti tha mi ’g iomaradh, Chuir an cuimhne mo phuthar, ’Nois o’n fhuair an uaigh easan, Chaidh e’n caisid mo bhruthach, Chaidh e’n caisid mo bhruthach, ’S mi ri cumha ga dhireadh, Dol an truimmead ’s an airde, An diugh a thainig mo dhiobhail, Dh’fhalbh mo lathaichean eibhinn, O’n a threig sibh Clar sgithe, Tha mo thaic ann na h’Earabh, ’N deigh fhalach na aonar. [TD 232] ’N deigh fhalach na aonar, Bithidh e daonan an uaigneas, Sgeul ma’n gearaineadh daoine, Mnai caointeach na’n luath bhas, ’S iad a comh-stri ri cheile, Ceol gun eibhneas seach truaighe, Leum mo chriodhe ’na spealtadh, Ma’n chaismeachd a chual mi. Gur h-i chaismeachd so chuala, A luathaich orm tiomadh, Dh’fhag fo m’osnuich fuil bhruite, A’ sior dhruthadh air m’ inneadh, ’S faide seachdain na bliadhna, O’n a thriall sibh thar linnidh, Le friamhach na fialachd, Bh’ann san lion-bhrat air fihilleadh. ’S ann san lion-bhrat air fhilleadh, Dh’fhag mi spiunnadh na’n an-fhann, Ceann-uidhe luchd ealaidh, Mar ri earras luchd seanachais, Agus ulaidh aois-dana, Chuir do bhas iad gu h-aimi-cheist, ’S o’n a chaidh thu sa chistidh, Cha bu mhise a chuis fharmaid. [TD 233] Cha bu mhise chuis fharmaid. Ghabh mi tearbadh o’n treud sin, Far an robh mi am mheanbh-ghair, An toiseach aimsir mo cheitein, ’S ann an deireadh a charhhais, A dhearbhadh ar feichean, Chaill mi ’n ùr ghibht a chreach mi, Ann an seachdain na ceusda. Ann an seachdain na ceusda, Diciadain mo bhrisdith, Chaill mi iuchair na feadail, Cha mhi aon neach is misd’ e, Gun bhrath fhaighinn gu brath orr’, Sgeul a sharaich mo mhisneach, ’S ann fuidh dhiomhaireachd m’airnean, A tharmaich mo niosgaid. A tharmaich mo niosgaid, Cha’n fhaigh mise bhi slàn deth, ’S e fear tinn a chinn ghalair, A ni ’n gearan, bochd, craiteach, ’S ann air ata ’n easlaint, Nach d’ fhiosraich a nabaidh, ’S cha mho dh’airich e thinneas, Leis ’n do mhilleadh mo shlainte. [TD 234] Far ’n do mhilleadh mo shlainte, ’S ann a tharmaich dhamh m’ easlaint’, Gun d’ chuir aimsir na Caisge, Mi gu brath gu trom airsneal, Gheibh gach neach do na dh’fhag thu, Rud an aite na bh’ aca, Ach mise agus Mairi, Chuir a brathair an tasgaidh. Chaidh do bhrathair an tasgaidh, ’S e mo chreachsa gur fior sud, ’S ann an diugh tha mi d’ achdain, Mar bha mhac ma Mhaol-ciaran, Agus ise bochd, brònach, ’N deigh a leonadh o’n chiadain, A thug mo mhaighstir uamsa, Leis ’n do bhuaineadh ma phian-bhron. Mo phian-bhron a Mhairi, Mar tha thu fuidh chumha, Nach faic u do Bhrathair, Mar a b’ abhaist gu subhach, An sean-fhocal gnathaicht’, An diugh is fior e mar thu’airt, Nach robh meughail ga mead, Nach robh na deigh gala dubhach. [TD 235] Nach robh na deigh gala dubhach, ’S e ’m fear subhach am bearteas, Cha’n fhaigh piuthair a brathair, Ach gheibh bean àluinn leth-leapach, Thainig àr air an duthaich, Dia dhubladh a nearta, ’S ga cumail an uachdar, Gus am buaghaich do mhac i. Gus an buaghaich do mhac e, ’N deigh a ghlasadh le gruagaich, Làn saibhris is sonais, Ann sa ’n onair bu dual dhuit, Lean cuis ’s na bi leanbail, ’S na biodh marbh-ghean air t-uaislean, Cum an coimeas riut fein iad, ’S na to’ir beum do t-ainm, Ruairidh. Ruairidh reachdar, ruin-mheanmnaich, Tartrach, tairrbeairteach, teanntaidh, Do sheann-sean-athair o’n d’thainig, Cha b’ ion do namhad dol teann air, ’S Ruairidh gasta na dheighaidh, Cha b’ e raghuinn bu tàire, ’S an treas Ruaridh fa dheireadh, Gu’m b’ e ’n geanneanach fàs e. [TD 236] An treas Ruaridh do’n dream sin, A choisinn geall ’s cha b’ e mi-chliudh, Cha b’ e ’n coilleannach gann e, Ach an ceannsgalach milleannt’, Ma ’s a tusa rinn suas, An ceathramh Ruaridh, na dearmaid, Lean ri sinnsireachd t-aitim, ’S na to’ir masladh dha ’n ainm sin. Na to’ir masla dha’n ainm sin, ’S cuir leanabas fo d’ hhrogabh, Na biodh daoin’ ann am barail, Ge d’ tha car aig an oig ort, Bi gu fiughantach, smachdail, Rianail, reachdar, an triath Leodach, Na faic frìd an suil bridein, Cha chuis dion do Mhac Leoid e. Cha chuis dion do Mhac Leoid, A bhi’n dolum ’s rud aige, Lean an duchas bu choir dhuit, ’S biodh mor-chuis ad’ aignibh, Ach ma leigeas tu dhiot e, Bithidh na ciadan ga t-agairt, ’G radh gur crann shlatag chrian thu, ’N aite a ghniomharaich bheachdail. [TD 237] Maide dh’fhàs na chraoibh thoraidh, Fo bhlath onarach, aluinn, Ann an lios na’n crann èachdach, Bha tlachd na’n ceud anns’ gach ait’ air, Lean an duchas bu chara, A Mhic an Athair a chraidh sinn, Na bi ad chrianaich gun duilleach, An san ionad ’n do thamh mi. ORAN BROIN, LE OG-NIGHEAN, DHA BRATHAIR. ’S ann ma’n taca so ’n dè, An uair bu chruadalach m’ fheim, ’S mi bhi gabhail ma bheus do bheoil. ’S ann ma’n taca, &c. ’S e bhi dunadh do shuil, Fo d’ chaoil-mhalla gun smuir, ’S do chuir aun san ùir mo leon. C’ aite facas fui’n ghrein, Aon mhac gobha b’fhearr beus, Na mo Bhrathair deas, treubhach, òg. [TD 238] Tighinn bho chearduich a ghuail, Bu ghlan ruthadh do ghruaidh, ’N uair bheiradh tu duan dha’n òrd. Cha b’ e do mhian a bhi crian, Air a mhiad ’s ga’m bitheadh shios, ’N uair a ghlacadh tu fion ad’ dhòrn. ’S ann leat bu mhianach rum brùt, ’S daoin’ uaisle ann mar riut, ’N uair tharladh tu murt an òil. ’S i do chas a bha luath, ’S i do lamh a bha cruaidh, ’N uair a thachradh tu ’n ruaig na’n toir. ’S i do ghuala bha treun, Ann an carachd na’n streup, Bu tu marbhaiche an fheidh sa’n eoin. Bu tu marbhaich’ a bhric bhain, Air an aigeal ’s e snamh, ’N uair a ghlacadh tu crann ad’ dhorn. Bha u dileas dà uair, Do shiol Torcuil bho thuath, ’S do na fearabh-sa fhuair an leoin. [TD 239] Tha do bhreachdain fliuch, fuair, ’S e ga nighe air droch luagh, ’S e fo bhritheabh na’n stuagh ’s nan ròn. Tha do leine chaoil bhàn, Tighinn astigh air an t-snamh, Gun do ghabh thu dhe’n t-sàl do leoir. ’N uair a chunnaig mi fein, Fuil do chriodhe ’s do chleibh, Chaidh am puthair air ghleus an’ m’fheoil. O na thachair dhomh fein, A bhi gun bhrathair ad’ dheigh, Gu’n greasa mac De mi d’ lorg. CUMHA SHIORRAM FARLUIN. Le Domhnul Macleoid. THUIT an reula a bha tuath oirn, Tùs na’n deur dha na chual e, Thu bhi d’ shìneadh lòm, fuar, ann san t-sròl. Thuit an reula bha, &c. [TD 240] Tha na Friosailich caillte, Gun fhear misneach na ceannard, Ach air iteig sa ghleann mar na h-eoin. Tha na Friosailich, &c. ’S truagh gun d’ thainuig an ceann dhiu, ’S cruaidh an gàir ann sa’n àm-sa, ’S fuar am plasda luidh teann air am feoil. Thainig doirrun a gheamhraidh, Dhòirt a ghailliun romh ’n àm orr’, Shroichd an talla robh an campa mar cheo. ’S buan bhur molachd dha’n fhairge, Dh’fhuaruich fuil a chuirp mheanmnich, ’S cruaidh a bhuin i na carabad ’ur treoir. Bhuail i bhuil’ a ghlan mharbh sin, Fhuair i ullaidh ar tearamaid, Ge do chuir i na’r tairgs’ e gun deo. Dh’fhag i sinne romh ’n t-sealgfhear, Mar na cuileanan cealgach, A bhios a luineag geur, garg, air an tòir. [TD 241] Sinn’ gun chuiraidh gu teanachd-sa, Bheir o bhuilean nan arm sin, Ach an ionad na marbh air ar leoin. Ge d’ tha sinne gun tearamad, ’S trom air siothrachdain Alaba, Gun do shiunnal a mhorfhear ri ’m bord. Ge bu laidir do Shiothrachd, Dh’fhag do bhàs fo bhar tinn’ i, ’S daor an snamh dha na chinnich fo d’ choir. Cha robh duine ghlac ainm ort, Nach robh builleach fo t-earbsa, ’S trom an silleadh le dearbhadh mo sgeoil. ORAN, Do Inghean Choinnich Ruaidh Mac Fhir na Coimrich. ’S CIANAL m’ aigne o na mhaduin, Ghabh mi cead do ’n ribhinn, Ti cho-taitneach riut cha’n fhaic mi, Ann an dreach na fiamhachd; [TD 242] Bu trian do m’ lòn do bhriathraibh beoil A teachd mar cheol a sioth-bhruth, ’S an t-sheirc ata ’n ad bhraighe ban, A thaisg mo ghradh gu diomhair. Ciochan corrach, lionta soluis, Air do bhroilleach re ghlan; Do sheang-shlios fallain mar an eala, Na mar channach sleibhe; Bas ionmhuinn caoin nan geal-mheur caoil, A’ dealbh na’n craobh air peurlain, ’S tu fialaigh glic ’s do chiall gun tig, Air diamhaireachd nan reultan. Do bhraighe gle-gheal mar ghath-greine; N-aghaidh rè, ghlan, mhothar; Tionnail t-eugais tearc ri fhaotuin, Gur tu reul nan oighean; Gur bachlach, dualach, casbhuidh, cuachach, T-fhalt ma’n cuairt ann ordubh, ’S ann tha gach ciabh mar fhain air sniamh, ’S gach aon air fiamh an òr dhiubh. Inghean aingil nan rosg mala, ’S nan gruaigh glan tha narach; Da shuil ghorm mheallach, fuidh chaol mala, ’S gach aon a’ mealadh graidh dhiubh; [TD 243] Tha maise ad ghnuis, gun easbhuidh muirn; Beul meachair, ciuin, ni màran; Do bhriodal caomh, ’s do loinn maraon, A rinn mo ghaol-sa sharadh. Corp seamhaidh bàn, cho-lionas gradh, Gach ti a tharbhich iul ort; ’S ann tha do shnuagh, tabhairt bar air sluagh, ’S tu ’n ainnir shuairce, chliuteach; Do dheas chalpanan ro dhealbhach, Gun bhi meanbh na dumhail; Troigh chruinn, chomhnard, dh’fhalbhas mothar, Nach dean feoirn’ a lubadh. Cho glain is tu ’s neo-shoilleir dhuinn, ’S mar gheallach thu ’n tus eiridh; Beul dearg muint’ ’s anail chùbhraidh, ’S tiunnal thu do Bhenus. ’S e chrun do thlachd deud muirn mar chailc, Air a dhluthadh ceart ri cheile, O’n tig an t-oran, eatrom, ceolmhor, Mar an smeoraich cheitain. O thla nan dul, tus rath fhuair thu! Bhiodh modhail, ciun, gun ardan; Tha iochd is cliu, is loinn, is muirn Air a ghlaoidheadh dlu ri d’ nadar; [TD 244] ’S tu air do bhuain a freamh na’m buagh, Do’n treun fhuil uasail, statoil; Thu fialaidh pailt ann gniomh san tlachd, ’S do chiall co-shreip ri t-ailteachd. Oscion t-ailteachd riabh cha d’ thainig, Gnuis o laimh na Trianaid; Gur soilleir dhuinn, ’n uair rinneadh thu, Nach robh na Duilin diamhainn; Ur riomhinn thla ’s ro rioghal gnàs, Do dhilsin graidh tha lion’ar; A gheug na’m buagh, ge cian mi bhuat, Na geill-sa chluain luchd miruin. Mi cian o d’ chaidribh, ’s buan dhomh fhaidid, Dh’fhag sud m’ aigne pianail; Osnadh ghnath, gun fhois gun tamh, A fhrois gach blath do m’ fhion-fhuil, ’S e bhrosnuich deoir ’s a chlaoidh mo threoir An rimhinn og so thrial uain; ’S tu ’s trom a dh’fhag mi, oigh mo ghraidh, Le d’ bhròn ata mi cianail. [TD 245] RANN CAINIDH, Eadar Alaistair Domhnullach, Mac Mhaighstir Alaistair, agus Aireach a bha aig Mac Illeoin Mhuille. AM AARD. CHA chreid mi ’m briathrean ga rìribh, Gur Leathanach fiamh na h-èisgeadh, Ach an fheoil is fearr ’n uair theid i dholuidh, Dublidh a bolladh le brèinaid. AN T-AIREACH. Cha deic fhad sa tha mi ’g eisdeachd, Ris an eisg a tha ga m’ chaineadh, Nach innsinn dha pairt dhe’n fhirinn, Ge nach d’ rugadh na m’ fhior bhard mi; Tha suilean agam gu faicinn, ’S cluasean gu clàisdin do nadoir, A faotain teisteanas nach b’fhiach ort, Riamh o rugadh tu na d’ phaiste. Gur tric u gun bhiadh, gun eudach, A donalaich air euduin chairdean, [TD 246] Cha’n ionadh iad a bhi sgith dhiot, ’S gur a tric u scrìobadh pàirt dhiu; Cha’n ionadh ge d’ robh ort gortadh, ’S nach ann ga d’ chosnadh a tha u, ’S iad a guidhe bàs gun lochd dhuit, Ma ’n d’ theid do chrochadh ma n’ mhearla’. ’S tric thu d’ shìneadh anns’ gach lodan, Agus plodan fo do bhialan, Bithidh na cearcan ga do ghrobadh, ’S iad a goigail ma do chiaban, Do cheann iachdair ann sa’n rotraich, Ri breith nan goigeanan tiachdaidh, ’S tu na d’ shìneadh ann am fodair, Gun ad bhladan ach am blialam. AM BARD. ’S tu gleann Mharstuin thar gach gleannan, ’S tu gach cnoc thar bheannabh arda, ’S tu damh is measa sa bhuaile, ’S tu clach uachdair nighean a Chlàirsair; Cha deanair seothag na chlamhan, Cha deanar eala dheth ’n rochdais, Cha deanair faoilinn dheth ’n fhidheach, Cha deanair pithan a thòmas, [TD 247] Cha mho nìtair sporan siode, Dh’fhìr chluais na muice, ’S duilidh na sin fillidh fior-ghlic, A dheanabh chlìbh-fhear gun tuigse. AN T-AIREACH. ’S iomadh creatair th’ ann san t-saoghail, Nach do smuainich thu air fhathasd, Thar gach èisg ’s tu ’n dallag mhùgach, ’S tu bhiosd shiubhlach ’s tu mac-glaimhein; Gur tu am broc thar loin a bhreuntuis, A bhiodh a shròin na cheir tri ràidhean, A mhial chaorach dha ’n ainm a gheur-lann, ’S olc an treud a tha dhuit cairdeach, ’S mar bidh grain do chairdean fhein ort Cha deanainsa bheist do chaineadh; Gur tu’n loisgean, lìtheach, taraghlas; ’S tu màgan cealgach na dìgeadh, Gur tu ’n t-snag a bhios ri camhran, A snàgan sa màgail a mhìlich, Gur tu ’n t-seilicheag, lìtheach, tharaghlas, ’S tu bratag scraibhail an fhàsuich, ’S garstan o’n duilich a thairsinn, Aon ni thàras tu na d’ h-ionain. Gu’n d’ rinn thu air t-athair di-mheas, Dh’amhairc thu sios air do mhathair, [TD 248] Bhris thu seanachas a tha scriobhte, An deigh dhionachadh ’s na fàintean; Thug u mionnan air a Bhiobul, Nach b’fhearr do shinnsir na Satan, ’S bhrath thu iad air bheagan cuinidh, Mar rinn Iudas air ar Slanuidhfhear; A bhliadhna sin thanuig am Priunnsa, Bu shiubhlach u feadh gach aite, Ad chlach-bhalg air feadh nan duchain, Aig iaruidh orr’ tiunntaidh le Tearlach, Ach co-luath sa thug e chul riut, Thiunntaidh an cùth thar an nadair, ’S cha bheairteas ach sodail cuirteadh, Chuir u ghiulan crois a Phàpa. ORAN SUGRAIDH, Mar Chomhairle do Ghillean Oga. LE DOMHNUL MACLEOID. A ghillean ma’n cinnich ’ur n’ aois, Thugabh ’ur mionnan dha’n aog, Nach lean sibh faileas a ghaoil, A chuireas caochladh deis oirbh; Ge d’ tha ar mian a streupa ribh, Cha’n ’eil a chial a freagairt leis, [TD 249] Ach coltas fiamh is geilteachais, Troimh ioman iadach teisichean. Caillidh sibh spiorad ar luis, Le inneal dhingidh nan glùn, ’S millis ar billibh sa chuil, Gu toir a chumhraidh deisail ribh, Gu’n dean an diumhleach breibadair, A bheir a chuis gu ceasagan, Cha chuir an t-suil a teagabh e, Nach ’eil an t-iuil ga leasachadh. Sloinnidh mi mearachd do chàs, ’S brainich e ’n earoinn na dha, Streangich do cheathribhnean làir, Mas i do lamh is treasa leat, Cha bhi thu slàn gun bheagan dheth, Ach beannachd aigh is Euglais ort, ’S dean ri d’ mhathair ceusnachadh, Ma’n cuir a cheaird bho chreideas thu. ’S aithreach a dheannal dha ’n t-sábh, Caillidh e lainnir le spairn, Cha’n fhan a shealladh an aird, ’N uair thig an traigh le greasad air, O bhios a ghearr cho beag narach, ’S i coma c’ aite an seasadh i, [TD 250] Na ’m bidh a dha do bheadagain, Gu cuir na charn le leigaidhean. ’S aighireach crathadh nan lann, ’S tighean a bhalla ma’n ceann, Gun solus latha na làmp, Ann an dannsa cuideachail; Gu’n theid an dràm a shlugadh dhiu, ’S nach faigh iad sannt a thugaidean, Ach ann an puntabh ghlugairean, Bhios ann an giulan ludara. ’S firachail, mireagach, blath, Sgiorasach, gribhagach, strachd, Millidh nan bileagan fath, Nrch sir a nàbuídh cuideachadh; Bidh ealagha na mhugachan, Gn’n cuir an màl an cuideam air, Le faigh e ’n aireamh luideanach, An tealach anroch, spliugeanach. ’S grabhail an rathad duin’ oig, Maitheas a ratha sa phor, A chaitheabh ri freathan an stoil, A bheir an ceol gu tubaistean; Tha bir ad shròin ma rugadh ort, Tha gainne stòrais tuisleach dhuit, [TD 251] Chaidh mil nan pòg a scudadh dhiot, ’S cha’n fhaigh thu choir nan crubachan. Tuireas na duineach a bh’ann, Dh’fhuirich an cuilean sa’n fhang, Tharuing u ’m bodha le srann, ’S cha do sheall u deisail air; Cun deach an call thar teibadich, Cha’n fhaight’ ad cheann ach feidaireachd, Ri teannail gheall is phriseanan, Gu’n d’ rinn an t-aulan eubair dhiot. Speineasteach, aimideach dhuibh, Ealach a cheangail mu’r druim, Teanuichidh sainis na h-oidhch’, Ann an staing an t-seisain u; Ma thainuig bann na dreibadh ort, ’S e mulach bheann is deise leat, Ri tuireadh fanntach, eusleanach, Fo bhuille an teampail ghreadanich. Ma ghabhas t-athair do phairt, ’S gu’m bheil u d’ luidhe fo chain, Bhrath thu air rathad a chnamh, A bhios do mhathair cuide ris, Bidh iomadh blàr gun furtachdain, A tighinn ad dhail na’n ultichin, [TD 252] Tha sgal a ghearr na cuigeal ort, Tha car aa t-sàis air stubadh ort. A chaileag mu dh’aithnich u ’n gniomh, Teannuich an dealan gu dian, ’S mearich an daras le rian; Ma’m beir a bhiast air h-ugain ort, Ma gheibh an t-iasgfhear cuide riut, Tha car a lian air obair dhuit; ’S cha ’n ’eil ad bhian na dh’obas e, Sa theanga fior a togbhail riut. ’S aithne dhomh mealladh a bhlaths, ’N uair bhitheas an toileachadh làn, Cha’n fhaigh an aimideachd tamh, Aig an tair i cuideachd iad; O bhios a phairt cho suigeardach, ’S e filleadh làr a thuigeadh e, ’N uair reithadh an dàn a sgioblachadh, Ri fuluing ard nan gribidhean. [TD 253] ORAN SUGRAIDH DO CHARAID OG, OIDHCHE AM BAINNSE. ISE.-- ’S MITHICH dhuinne bhi ’g eiridh, O’n tha sin feumach air cadal, Bho na rinn sinn na’r suipeir, Cha dean sin fuireach na ’s faide; Mas a maith an cuid leumraich, Bidh iad fein ris gu latha, An rud sin th’agad a dhuinne, ’S ann ris is mo na’r annas, Gu fios a bhlas. ESAN.-- ’S fada ’n latha gu h-oidhche, ’S faid’ an oidhche na’n latha, ’S iomadh seachdain ’sa bhliadhna, Gu bhi ’g iaruidh gu leithid, ’S misde sinne ’sinn gorach, A dhol a thoiseachadh brais ris, Ciod e ma ni sinn’ na’r milleadh, Gur h-ann is measa ’n dibhearsain, ’S nach ’eil sinn sean. [TD 254] ISE--- Ach c’uima ’s misde dhuinn fhiachuin, Dh’fhiach an fhiach dhuinn a leantuin, ’S ma chi thu fein na chuis ghrain e, Cha bhi mi dana ga thagairt; Chuala mis’ aig mo mhathair, Gur nith gnathaichte leithid, ’S gur beag math th’ann sa phòsadh, Sa bhi as aoinis an fhasain, ’S e aig gach neach. ESAN.-- ’S truagh nach robh mi gun phosadh, As a bròinean ’s e ’g eiridh, Bu mho m’fheim air chadal, ’S mi ’n deigh coiseachd an aonich, Chaill mi creachdan na meoirean, Ann ’s na brogain ’s iad daor dhomh, ’S cha dean mi ’n obair air t-aileas, Ge b’i b’fhearr air an t-saoghail, ’S nach ’eil mi ’scairt. ISE.-- Di-bidh air do sheanachas, ’S meirg a dh’fhalbh leat thar aonich, ’S truagh nach robh mi gun dearc ort, Ach mi dh’fhaicin an t-saoghail, Le do chroma-shlait gun phiseach, Nach d’thig thuige sa’n aodach, [TD 255] ’S meirg a thachair ad chuideachd, Fhìor thrusdair nan daone, Sa ghlogaidh-ho. ESAN.-- A Ri bu mhise chuis thruais leat, ’S moch a fhuair mi mo mhàbadh, Cha bhidh do thoibheim cho luath dhomh, Na bidh tu stuaima na nàrach, Dh’fhaodadh tusa bhi suas leis, Na’n deanain uair ann san ràith’ e, ’S mise dh’fhuireach as aonuis, Cho na h-aoise so a tha mi, Gun dol na char. ISE.-- Dh’aithnich mise ort nach b’fhiach thu, ’S gu’m bu shiachaire breun thu, ’S nach robh duine ’s na criochan, Cho measa rian air an fheim dhuit, Tha mi dh’easibh do sporsa, Dh’fhalbh mi phosadh an de leat, ’S mar faigh mi misneachd fo màrach, A chaoidh cha charuichir breid orm, ’S cha ruig mi leas. ESAN.-- Bi tu sin ann a naire, Mar a cairuichir breid ort, [TD 256] Bheir gach nàbaidh dhuit toibheim; ’N uair a chluinn iad mar dh’eirich; Ge do ruigeadh tu ’m Parsain, Gu na’r sgaireadh bho cheile; A chaoidh cha ’n fhaigh thu chead posadh, ’S e ’n aghaidh ordadh na Cleire, ’S nach ’eil e ceart. ISE--- Innis usa dhomh ’n fhirinn, Na’m bheil feim dhomh bhi fuireach, Na’m bheil comas air t-innleachd, Na’n diult u mi builleach, Mas a sochair tha fàs ort, Gun do lamh chuir sa ’n obair, Faguidh mis u cho eolach, Ris na seoid tha ris cumanta, Bho chian fad. ’N uair a thainuig an oidhche, ’S nach robh soils’ ann ach dorcha, Sa chaidil an duthaich, ’S nach robh duil ri luchd falbhan, Air an obair gun shìn iad, ’N uair a dh’eirich a mheanmna, ’Shaoil nach sguireadh e fhathasd, Aig feothas thaituin am baragan sin Ris cho math. [TD 257] ISE.-- ’S fearr sud na bhi falamh, Ma ni u cleachdadh dheth ’n comhnuidh, Mas th’ann a feothas a theid thu, Cha dean mi d’ eibheach na d’ h-òlach, Cha’n ’eil air obair ach sineadh, ’S a bhi ga sir dheanabh cònuidh, Cha bhi faiteachan treubhach, ’S bidh don-bidh air fear brònach Nach d’ theid na char. DAN.—MORDUBH. AM bheil thusa air sgiathan do luathas, A ghaoth, gu triall le d’ uile neart? Thig le cairdeas a dh’ionnsuidh m’aois, Thoir sgrìob eutrom thar mo chraig. Comh-aois m’ oige ghlac an t-eug. ’S uaigneach m’ aigne ’n uaimh mo bhroin. ’S mor mo leon fo laimh na h-aois: Osaig tha ’g astar o thuath, na dean tuasaid rium ’s mi lag. Bha mi uair gu’n robh mo cheum Cho eutrom riutsa, a ghaoth. Mo neart mar chraig a’ Chruaidh-mhill! ’S iomadh cath ’s na bhuail mi beum. [TD 258] ’S tric taibhse mo naimhdean ag astar Le ceum lag o bheinn gu beinn, Ach thig àm do bhròin-sa, a ghaoth, ’N uair a dhireas tu’n t-aonach gu mall. Cha’n imrich thu neoil thar coill, ’S cha lùb a’ choille fo d’ laimh, ’S cha gheill am fraoch anfhann feinn, Ach togaidh gach geug a ceann. Bi baigheil riumsa, a ghaoth, Oir tha ’n aois ort fein ro theann. Cuir lasair ri geug do’n ghallan, A shealgair coire a’s aillidh sniomh. Tha’n oidhche a’ siubhal o’n ear, Tha ghrian a critheadh ’san iar. Dh’fhosgail eilean Flaitheas sa’ chuan Tri uairean dorsan nan nial, A’ ghlaodhaich, “Dean cabhag thar a’ chuan ‘Le d’ chuach-fhalt aluinn, a Ghrian.” Tha neoil dubh shiubhlach na h-oidhche Gun aibhneas air chul nan tonn. ’S tric iad ag amharc do thriall, A ghnuis aluinn tha ’g astar o’n ear. Ach eiribh le’r sgiathan o’n chuan, A neoil dhorcha nan iomadh gruaim. Tha sgailean nan sonn o shean, Tabhairt cuire do’n Ghrein gu Flaitheas. [TD 259] Beannachd le ribhinn chiuin do ruin! Buaidh le d’ shaighid air gach beinn, A shealgair, tha tabhairt dhomh treoir, ’S mi leonta fo lamh na h-aois! Ach suidh thusa ann am uaimh, Is eisd ri tuasaid ghaoth is chrag. Innsidh mi dhuit sgeul is mòr brigh Air suinn tha sinnte fo’n lic. ’S taitneach na smuaintean a thriall, ’S mianach dreach nam bliadhn’ a dh’fhalbh. Pill thusa, m’oige, le t’uile ghniomh, Is feuch do m’anam bliadhn’ mo neart. Feuch gach cath ’sna bhuail mi beum, Is airm nan laoch bha treubhach borb. Thugaibh sùil o neoil na’r suain, Fheara bha cruaidh anns gach cath: Cluinnidh bhur clann fuaim bhur cliu, ’S thig sileadh an sùl gu lar. Tha m’anam a’ soillseachadh le gniomh Nam bliadhn’ a dh’fhalbh is nach pill. Dh’fhaluich a ghealach a ceann. Bha codal reultan air chul neoil. Cabhag ghaoth is ghaoth o chian: Bu gharbh an cath bha eadar stuaidh Is sileadh ghailbheach nan speur, [TD 260] ’N uair a dh’eirich co’-shamhladh Shailmhoir O ’leabaidh fhuair sa’ gharbh chuan, A’ siubhal air bharraibh nan stuadh ’S a’ ghaoth cuir meanbh chath mu’n cuairt. Dh’eirich mac an aoig air sgiath Na h-osaig gu gruaidh Chraig-mhoir ’S bha anail fhiadhaich nan neul Aig eirigh ma shleagh gun ghuin. Ag amharc a nuas o ’leabaidh fhuair ’S mor a’ bhrigh a bha na ghuth: “Duisgidh, chlann Alba nam buadh, “’S garbh colg bhur naimhde o thuath. “Ag gluasad air bharraibh nan tonn, “Tha clann Lochlain nan lomadh long. “Eiribh, chlann Alba nam buadh, “’S mor neart bhur naimhde o thuath.” Air sgiath na h-osaig fhuair Dh’fhalbh mac na h-oidhche gu luath. Lub an darach garbh fo chosan, ’S chrith gach gallan roimh fheirg. “Tionailihh, mo shuinn, o’n t-sealg.” Thubhairt Ceann-finne na h-Alba. “Soillsichibh srad air Druim-feinne, “’S thig mo laoich o ghruaidh na beinne.” [TD 261] Labhair Mordubh, Righ nan srath, ’S lionmhor crag tha ’g innseadh sgeil. Chuala clann a chath am fonn, Is leum iomadh lann ghlas a mach, Dh’eirich a mhaduinn san ear, ’S dh’iarr i air sian gailbheach gluasad. B’ aluinn, maiseach, fiamh na greine, A’ tighinn a mach gu ciuin o’n chuan; Boillsge a gathan air airm Nan laoch mor-bhuadhach anns gach cath. Air adhart dh’eirich Ciabh-ghlas treun Is iomadh sleagh air chul Ceann-aird. Tha Tom-mòr ag tional a shluaigh; ’S c’ uime bhiodh Mordal air dheireadh. Labhair Ciabh-ghlas bu mhor aois, “Co chunnaic Sunar o thuath? “Am bheil e togail iomadh sleagh? “Thug mi fein a’m’ oig’ air buaidh. “Ge fann mi ’n diugh ann sa chath, “Bha mi ’n sin gu neartmhor cruaidh.” “Ni ’m bheil a’d’ neart na d’ chruadal feum,” Thuirt mac Chordhuibh bu bheag cliu. “’S treun meanmnach Sùnar o thuath. “Tha gathan na greine aig leum [TD 262] “Mu’n cuairt a dh’eidigh an t-seoid. “Tha suinn gharbh, neartmhor r’a thaobh, “Is ard a choille lubadh fo chosan. “Tha cragan Thirmhoir beag fo cheum. “’S trom colgar gailbheach Righ Lochlain, “’S cha toir mac Alba air buaidh. CIABH-GHLAS. “Imich thus’, a ghealtoire chlaoin, “Gu aiseirigh shamhach nam ban. “Tha d’ anam air crith mar dhuill’ uaine “A ghluaiseas roimh ainail nan speur. “Mar a thuiteas i roimh fhuachd a gheamhraidh, “Teich thusa o na naimhdean borba. “Ach is iomadh cràobh gharbh air a’ bheinn so “A sheasas ’n uair is gailbheach sian. “Is tric a thainig naimhdean o thuath, “Ach buanachd cha d’ thug iad riamh uainn. “Imich thusa, a mhic gun chliu, “Gu aiseirigh chuil nan daoine crian. “Mur biodh aige-san tha gun chliu, “Naimhdean nach bu mho na thu. “B’ aobhair eagail nach b’ fhiu dha “Airm a rusgadh ann sa chath. “A’ feith’ air cloinn Lochlain o thuath, “Bi’dh ’n cruaidh lann fuilteach o d’ thaobh. [TD 263] “Chualas d’ fhocail gu beag tla. “A mhic an ardain, tog do ghath.” Dh’eirich da shleagh gu h-ard; Bha rusgadh lann air gach taobh. Dhuisg a nis neart na h-Alba Chum garbh chath thabhairt dhi fein: Ach thainig sgiath laidir an t-sluaigh, Righ aluin Albainn a nuas, Le corruich mhoir ’s le trom ghruaim, Dh’amhairc e air na suinn làn fuath. Tha shuil gu fiadhaich a’ siubhal Gu dubhach o fhear gu fear, Air eagal gu’n tuiteadh an sluagh. Borb, luath aig imeachd tha a ghuth, “Na ruisgibh lann, a cloinn na fairge; “Na canaibh gu’n leag sibh sinn. “Is tric dh’ eirich sleagh bhur n-Athaire; “Is lionmhor an cill air an traigh; “Ach aoibhinn dhuibhse, chloinn Lochlain, “Leagar Alba le h-airm fein.” Làn maslaidh o fhearg an Righ Shiubhail na laoich a dhuisg an stri, Mar dhà neul ta siubhal air carn ’N uair a shiubhlas a ghrian air min dhruchd: [TD 264] Dubhach tha na glinn roimh ’n ceum, Ag amharc tighinn an deoir nan speur. Cha ’n fhiu leo an cnocan crion, Tha triall chum gruaidh ard chraig. Mar sin a shiubhlas na suinn, An coinneamh an naimhdean borb. Air adhart tha ceum Righ Alba, Mar gharbh chraig an aghaidh tuinn mhoir, ’N uair a chruinnicheas neart nan stuadh, A tabhairt garbh chath do thuilte. Mar ghaoth oidhche shiubhlas air speur Thainig clann Lochlain nan sleagh. Cha siubhail osag na h-aonar, ’S ann comhluath tha dubh ghruaim nan sian. Dh’eirich airm Albainn gu h-ard. Mar thairneanach tha gairm nan cnoc, Mar thuiteas dà chloich o Bheinn-ard, ’S iad tachairt air urlar a ghlinn, Mar sin bha toiseach a gharbh chath. Is iomadh naimhaid a thuit leinn. Bha uamhann a bhlair air an fhraoch. Bha tuilte fola mu shleagh Cheann-aird. B’ iomadh creubhag a lot Dalmor. Bu chruaidh, borb, flathail gach fear. [TD 265] Ach co b’ urrainn seasamh roimh cheud? Chuinnaic an Righ ar ceum air ais. Las anam a ghaisgich le fearg, Allt dearg a leantuinn a shleagha. Bha taibhsean a naimhdean mu’n cuairt. Ach fada o fein bha na laoich, Thainig e mu dheireadh na’n deigh, Mar thonn a tuiteam o’n chraig; ’S tric a dh’iarr an fhairge air direadh, ’S tric a thilg an stuadh e o bhonn. C’uime tha thu gruamach san iar, A Ghrian aluinn ag astar nan nial? Cha b’ anfhann na suinn. Cha do theich sinn roimh ’n mheata, Is tric a chuir neoil dhorch ort fein smal, An aimsir ghailbheach nan sian. Ach ’n uair a theid fogradh air a ghaoth, ’Sa theid caonnag nan speur gu taobh; ’N uair a bheir thu smachd air na neoil, ’Sa ghlacas a ghaoth air do laimh; ’N uair a sheallas tu oirne a nuas, ’S do chuach-fhalt aluinn a sniomh; ’N uair a bhios fiamh ghair air do ghnuis; ’S mor aoibhneas eidigh gach cnuic: ’S aithearrach leinn do bhuaidh sna speuran, [TD 266] Is beannaichidh sinn do ghathan, a Ghrian. Imich gu d’ leaba le ceol, Thusa, tha measg nan reultan mòr; Bheir sinn buaidh fathasd, Ge do tha sinn an nochd fo leon. * * * * * * AN DARA LEABHAIR DO MHORDUBH. TRI uairin chrath an oidhche A sgiath dubh-che’oach sa’n ear, Tri uairin a sheall na reultan Thair neoil ghruamach nan speur. Bha osna thamailte nan Laoch ’S a ghaoith ag astar, na’n carn Bha co-samhla nan sonn o shean Le corruich ag siubhal na’m beann. Chualas trom osna na’m marbh; ’S b’ anbhan an guth ’sna neoil; Chuimhnich sinn gaisge an lamh Is ghabh sinn tamailte mhor. Air Ard-chraig dh’ amhairc an Righ, ’S lionmhor gaisgeach bha fo ghruaim, [TD 267] Bha ’n smuaintin soileir dha fein Is labhair e le briathraibh borb. Air cuis ’n uair a luidheas gruaim Theid fuadach an criodhe crion, ’S theid fir fhann gu luath fo dhion, Togaidh ’n calma cheann roimh ghaillin, ’S cha bhi fiamh taiseach’d na ghnuis. Tha ceimine nan sion ’san daire, ’S cha lub an darach a ghluin. Abraibh sibhse Cheinn na Feinne, An d’ thainig sinn o dhaoinibh crion? An ann do gheugaibh fann ar sleagh? O dharach Albain na’m mor ghniomh. ’S tric thainig naimhdin o Thuath ’S cuin a theich ar sinns’ridh gun bhuaidh? An geill sibhse do Chlainn na fairge? Far am b’ abhaist taibhse nan naimhdin Leim o osaig gu osaig, Le trom osna bhroin nam marbh? Tha chloch ud, le mointich liath, Ag cumbhail cuimhne air treun laoich Ag radh, ‘cha do theich bhur n-athreach riamh, Fheara, leannaibh dian an lorg.’ [TD 268] Ag eisdeachd ri briathraibh an Righ Bu dubhach bha na suinn mu’n cuairt Ag amharc cloidheamh, sgiath, is sleagh, ’S le focail gun bhrigh ann a chluais. Sheasamh Morchean, Triath Alt-duibh, Tri uairin chrath e chiabh, Tri uairin bhuail e ’n darach; Ainmic bha mo bhuillin fann, Ainmic fhuair mo naimhdin buaidh, Ge d’ thug blia’n’ air falbh mo neart Ni bheil gealtachd am ghruaidh, Shacil leam gu’n togadh mo mhac, Mo leac ’s gu’n caireadh e mo cheann; Chaoidh ni n’ togar sgiath na leac Le oigfhear flathail nan deas lann. Bha cheim air adhairt sa chath, Ach dh’fhailig gach caraid mu’n cuairt, Bha ioma naimhdin na stri’, ’S thuit an laoch roimh mhile sluagh. Beannacnd, ars’ an Righ, do’n laoch, Ach na aonar ni ’m feud e falbh, Theid Ceann d’ Alba nochd na lorg; ’S dorch do choigrich tamh na’m marbh. Ghlac Og-bhan mac Chorbhui a sgiath, An diomhain duinn gu eirigh grein? [TD 269] Na’n dean sibh feidh do’n luchd mi-ruin? Ann an sin do labhair Ceannard treun. ’S tric thug siol Alb’ an t-slige ciuin, Ach cuin a thainig bas air coigrich ’N uair a thachair iad le muirn? Is treubhach, maiseach, linn Lochlain, ’S buighnidh sinne fos ar cliuth. Ciod uim’ a thuiteadhmid mar neul Thig le scleo le linne bhuirn, A shnamhas air bharraibh na’m beann, ’N uair choidleas a ghealach fo shuain, ’S chrathas gaillinn clocha trom, ’S fiamh eagail air rinneag nan sion? Crathaidh a mhadain a ceann san Ear, ’S eirigh a Ghrian le cuach-fhalt ciuin, Biaidh solus a gath air gach sgiath, ’S bas a gearadh airm gach suinn. Ag cuir air gach sgiath Dunairm, Dubhairt Mor-fholt, fuir’gheadh gach laoch Air an tog lamh mhin-gheal leac, Ach luidhidh mise nochd air fraoch. Cha bhi deur air gruaidh am dhiaidh, Cha’n eirich cloch mo chliuth, Cha’n abair athair, mo mhac, Na gruagach, mo chreach, mo ruin! Loit mo shaighead uchd na Rimhin, [TD 270] Bha tlachd-mhor thar mhile mnaoi, Tha fuil mo chairdin ag cuir smuid Dhe’ na h-airm dhu’-ghorm na m’ laimh. Bu naimhdin d’ Albain m’ Aithreadh, Aig Righ Lochlain b’ ain-meil, iad; B’ aite leam siubhal na fairge; Thog se gaisgich bhorp mo bhreid. Thainig gaoth le cabhaig o Thuath, ’S thog na stuaigh le feirg an druim; Bha meanbh-chith ag eirigh mu’n cuairt ’S neoil ghruamach ag astar oscionn. Dh’eirich Albain air barr tuinn ’S chrath gach dair an ciabh le failt’, Bha Sliabhain, ghorm, ceol-mhor, binn, Le chratha min roimh cheann ar barc. B’ e Dunairm ceann-uidhe, nan coigrich, Is shin ceannard gast a lamh; ’S i beatha clainn Lochlain ann Albain, ’N uair bhios meirg fiochaidh air an laimh: Is lion-mhor ar feidh, is lan ar slioghaidh, ’S tha cliuth is meisneach ’nar sgeul ’S cuim’ a chiteadh gruaim air coigreach? [TD 271] Chaidh sùrd le sòlas air cuirm; B’ aoibhin leinn comhradh air sith ’S bheannuich sinn naimhdin a tir! Mar ghath greine air maduin chiuin, ’N uair chromar le druchd gach geug Bha Min-bhas an talla na muirn ’S ioma laoch toirt suil na diaidh. A CHRIOCH.