[DA 1] CUAIRT AN OILTHIRICH; NO TURUS A CHRIOSDUIDH; O’N T-SAOGHAL SO CHUM AN ATH-SHAOGHAIL: FO SHAMHLADH BRUADAIR. ANN AN DA EARRAINN. Far a’bheil e air a chuir an céill mar dh’ fhalbh e; na cunnairt agus na cruaidh-chais a thachair air air a thurus; a choilion buaidh a thug e air an t-Saoghal, air an Fheoil, agus air an Diabhol; agus mar a rainig e air mhodh sona chum a Bhaile nèamhuidh. AIR EADAR-THEANGACHADH O BHEURLA IAIN BHUNIAIN, LE P. MACPHARLAIN, EADAR-THEANGAIR TUS, AGUS FAS DIADHACHD SAN ANAM, &c. Ghnàthaich mi samhluidhean. Hos. xii. 10. DUN-EUDAINN: Clo-bhuailte le T. Stiubhart, AGUS R’AN REIC LEIS AN EADAR-THEANGAIR. 1812. [DA 2] Entered in Stationers’ Hall. [DA 3] ROI’RADH DO’N LEUGHADOIR CHRIOSDUIDH. A LEUGHADOIR, ANNS an leabhar so tha turus draghail, troi fhàsach cunnartach an t-saoghail so, do’n Chanaan nèamhuidh, na fois agus na sìth bhith-bhuan, air a chuir sìos: anns a bheil, fo shamhladh bruadair, turus a Chriosduidh air a chuir gu soilleir an céill. Le bhi gu cruadalach a’ cogadh fo bhrataich Chriosd, ard Cheannard ar slainte, bheir sinn gun ag buaidh air ar naimhdibh spioradail, agus ceannsaichidh sinn gu buadhar gach buaireadh d’am bheil ur cor san àm buailteach, ’s a chuireadh moill’ oirn o fhalbh na thrà o Bhaile an Leir-sgrios, (ni is e an saoghal so, le fhaoin-shòlais, le iomaguin, agus le othail) chum triall air ar turus do’n Ierusalem nèamhuidh, far a bheil ar sonus neo-chriochnach, agus ar gairdeachas iomlan r’ a shealbhachadh gu saoghal nan saoghal. Bha ’n doigh so air sgriobhadh fo shamhladh, air a mheas ro taitneach ’sna lìnnibh a chaidh seachad, co math agus r’ar linn fein, chum nithe a tha nan aithrigh air ar cùram is [DA 4] mò, a chuir an céill air mhodh a dhrùigheadh air an inntinn, air dhoigh bu chumhachdaiche no ged a rachadh an cuir sios air mhodh bu shoilleireadh; ach cha’n ’eil aon ni an so a ruigeas a leas a bhi do-thuigsinn, no deacair do ’n Chriosduidh, aig a’ bheil a bheag no mhòr de dh’ fhein-fhiosrachadh; cha’n’eil aon ni ann nach ’eil air a stéigheachadh air focal na firinn, agus air tròcair neo-chriochnach Dhe ann an Iosa Criosd, a tha gu soilleir air fhoillseacha dhuinn na fhocal. Tha e co taitneach ra leughadh, agus co tarbhach r’a thuigsinn, ri aon ni de ’n ghnè so a chaidh fhathast a sgrìobhadh, ’s gun leig mi leis anns an uidheam so dol fo mheachainn gach neach a leughas e; le lan fhiuthair gum bi e taitneach agus feumail, tha mi le mòr thogradh a nochda meud mo dhùrachd chum math t-anma, agus am cho’-fhear saoithreachaidh leat ann am Fion-lios ar Tighearn Iosa Criosd. I. BUNIAN. [DA 5] CLAR-INNSIDH DO’N CHEUD EARRAINN. Taobh AISLING an Ughdair 1 Mar fhuair Criosduidh mothachadh air a pheacadh —a’ theich e o’n fheirg ri teachd, agus mar chaidh, a sheoladh le Soisgeulaich 2 Mar a dh’ fhalbh Criosduidh air a thurus 3 Tha Ceann-laidir a’ diùlta falbh leis 5 Mar Chaidh Socharach leis co fada ri Slochd na mi- mhisnich, agus a phill e 7 Chaidh Criosduidh a mhealladh le Gliocas-saoghalta, —phill e as an t-slighe, arson a’ bheil mòr iomaguin air—Sheol Soisgeulaich dha an t-slighe a rìs, agus thriall e air a thurus 9 Mar Rainig e an dorus cumhang, aig an do bhuail e, far an do ghabh iad ris gu fialuidh 16 Mar chaidh gabhail gu taitneach ri Criosduidh aig tigh an Fhir-theagaisg 19 Mar thuit uallach dheth aig a chrann-cheusaidh 28 [DA 6] Mar fhuair e Faoin, Dearmad, agus Dànachd, nan codal 29 Mar Rinn Riaghailteach agus Cealgoireachd tàir air Criosduidh 30 Tha Criosduidh a’ dìreadh ri Bruthach-na-h-eigin 32 Mar Chaill e a sgrìobhadh, agus a fhuair e a rìs e 34 Mar Chaidh e gu tearainte seachad air na leomhainn, agus mar rainig e ’n tigh Sgiamhach—mar chaidh gabhail ris gu caoimhneil, agus aoidheachd fhial- uidh a thoirt da 36 Mar Dh’ inndrinn Criosduidh a stigh do Ghleann na h-irisleachd, far an robh còmhrag eadar e fein agus Apoluon, air an d-thug e buaidh 45 Tha Criosduidh air a chuir thuige gu goirt ann an Gleann-sgàil a bhàis, gidheadh trid an deachaidh e gun chiorram 50 Mar Thachair Dìleas, sàr chombanach math air Criosduidh, ris an robh aige conaltradh tarbhach 55 Dealbh fir-aidmheil fhaoin air a chuir sios ann an giulan Bhruidhnich, mac Abair-gu-math. 63 Geur-leanmhuinn air a chuir an céill, leis mar chaidh Criosduidh agus Dìleas a ghnàthachadh aig Féill an diomhanais 75 Mar Fhuair Criosduidh co-fhear-turuis eile ann an Ciatach 84 Co’-chainnt eadar iad fein, Cealgach, Gaol-air—air- giod, agus Demas 85 Mar Chaidh Criosduidh agus Ciatach air seachran, agus a thuit iad an lamhaibh Famhair-gun-dòchas 97 Mar Fhuair iad aoidheachd air na beanntaidh thait- neach o na buachaillibh 104 Mar Thachair na h-oilthirich air Aineolach 107 Spùinneadh Bheag-creidimh air aithris 109 Mar chaidh Criosduidh agus Ciatach a ghlacadh san lion 116 Mar Thachair Fear-àicheadh-Dhe orra, agus a chaidh iad troi thalamh na drùigheachd 118 Tha’m barrachd seanachais aca ri Aineolach 127 Tha iad ag imeachd troi thìr thaitnich Bheulaih 137 [DA 7] Mar chaidh ha h-oilthirich gu tearuinte troi abhuinn a bhàis, agus air an gabhail a steach do Bhaile àghmhor an De mhòir 140 DO’N DARA H-EARRAINN. Mar dh’imich a Bhana-chriosduidh, a cearthar mac, agus bana-choimhearsnach a bh’aice air oilthireachd 147 Mar Chaidh a Bhana-chriosduidh, Tròcair, agus a chlann gu tèaruint troi Shlochd na mi-mhisnich, agus chaidh gabhail gu math riu aig an dorus chumhang 160 Mar Chaidh ionnsuidh a thoirt orra, ach chaidh an saoradh 166 Fhuair iad aoidheachd aig tigh an Fhir-theagaisg 170 Tha na h-oilthirich a’triall air an turus, agus Misneach- ail na fhear-iuil aca 181 Mar dhirich iad bruthach-na-h-eigin, chaidh iad seachad air na leomhainn, agus mar rainig iad an tigh d’an goirear Maiseach 187 Tha Grad-charach a’ suirtheadh air Tròcair 199 Mar dh’fhàs Mata gu tinn, agus mar leighiseadh e 200 Mar chaidh iad troi Ghleann na h-irioslachd, agus Gleann sgàil a bhàis 208 Mar rug iad air Ionraic, a dh’innis doibh mu Eagallach 218 Mu chliu Fein-thoil 226 Mar ranaig iad tigh Ghaius, agus mar ghabh e riu gu fialuidh 231 Mar bhuanaich iad aig tigh Ghaius. mar thug iad ionnsuidh air, agus mar mharbh iad am famhair, agus a shaor iad Inntinn-lag uaithe 237 Mar thachair Ullamh-gu-stad riu, mar chaidh iad gu baile an diomhnnais, mar fhuair iad biatachd thait- [DA 8] neach aig Mnason, agus mar thachair iad air deagh- chuideachd ann 244 Mar thug iad ionnsuidh air Uilbheist eagallaich 248 Mar mharbh iad Famhair-gun-dòchas agus a bhean, ’s a leag iad a dhaighneach 252 Mar chaidh iad chum nan beanntaidh thaitneach 254 Mar thachair iad air Gaisgeil, agus Bi-gramail 259 Mar dh’ imich iad troi fhearann na drùigheachd 264 Mion-chunntas mu Fhaoineachd 269 Mar rainig iad tìr Bheulah, far an d’fhuirich iad ri teachdaireachd o’n Righ 271 Mar chaidh a Bhana-chriosduidh agus na h-urrad d’a co’-luchd-turuis th’ar an abhuinn, agus mar chaidh an gabhail a stigh do Bhaile an De mhòir 272 [TD 1] CUAIRT AN OILTHIRICHE; NO TURUS A CHRIOSDUIDH: FO SHAMHLADH BRUADAIR. AIR dhomh bhi’g imeachd troi fhàsaich an t-saoghail so, thainig mi gu glaic àraidh far an do luidh mi sios, san do choidil mi; agus air dhomh bhi a’m chodal, bhruadair mi aisling. Bhruadair mi, agus feuch, chunnaic mi duine an éididh riobaich, na sheasamh, ’s a chùl ra thigh, leabhar na laimh, agus uallach mhòr air a dhruim, Isa. lxiv. 6. Luc. xvi. 35. Salm xxxviii. 4. Eabh. ii. 2. Gniomh. xiv. 31. Dh’amhairc mi, agus chunnaic mi e a ’fosgladh an leabhair agus ga leughadh; agus air dha bhi leughadh, ghuil e, agus bha e air bhall-chrith; agus a chionn nach b’urrainn da cumail ni b’fhaide air fein, bhrùchd e mach le èigh chrâitich, ag radh, Ciod a ni mi? Gniomh. ii. 37. ’San t’suidheacha so chaidh e dhachaidh, agus chum e air fein co fad sa b’urrainn da, chum nach mothaicheadh a bhean no chlann ga thriobluid; ach cha robh e’n comas da bhi fada na thosd, a chionn gun do mheudaich a thriobluid: uime sin leig e ris a dhiubhrais da mhnaoi agus da chloinn air a mhodh so; O bhean mo chridhe, agus sibhse chlann mo ghaoil, tha mise ur caomh charaid caillte dhiom fein a thaobh eire throm a tha na luidhe orm. Os barr, tha dearbh chinnt air a thoirt domh gum bi am baile so sa bheil sinn a chòmhnuidh air a losgadh suas le teine o neamh. Anns an leir-sgrios mhuladaich so thèid sinne a chall, mar faighear a mach doigh air dol as, ni air a [TD 2] bheil mise fhathast neo-fhiosrach. Le so a chluinntinn bha mòr ìoghnadh air a chàirdibh; cha ’n ann arson gun do chreid iad na thuirt e riu, ach a chionn gun robh iad fo eagal gun deachaidh e as a riaghailt; ach bha fiuthair aca, leis mar bha e dlù do ’n fheasgar, gum faodadh fois na h-oidhche aiseag a rithist gu chèill shuidhichte fein, agus rinn iad cabhag gu chuir a luidhe: ach bha easan co iomaguineach san oidhche ’sa bha e feadh an latha; uime sin, an ionad dol a chodal, sann a bhuilich e ’n oidhche ag osnaich agus a’ bras shile dheur. Air teachd na maidne bu mhiann leo fhiosrachadh cionnas a bha e; thuirt e riu, gun robh ni bu mheasa na bha e roimhe; agus thòisich e r’an comhairleachadh a rìs, ach cha d-thugadh iad creideas da. Shaoil leo gun cuireadh iad a mhearaichinn air falbh le buintinn ris gu garg reasgach. Air uairibh dheanadh iad fanoid air, an àm eile bheireadh iad beum dha, agus a rìs dheanadh iad tur-dhearmad air. Uime sin theann e ri dol an uaigneas gu sheomar a ghabhail truais diubh, agus a dheanamh urnuigh as an leth; agus mar an ceudna gu smuainteach air a thruaighe fein. Ghabhadh e cuideachd sràid a muigh na aonar, chum leughadh agus a dheanamh ùrnuigh, car beagan laithean. A nis, chunnaic mi, air àm àraidh, ’n uair a bha e sraidimeachd sa mhachthir, air dha bhi (mar bu ghnàth leis) a’leughadh a leabhair, fo mhor thrumadas inntinn; agus air dha bhi mar so, gun do bhrùchd e mach mar rinn e roimhe, ag ràdh, Ciod is còir dhomh a dheanamh chum gun saorar mi? Gniomh. xvi. 30, 31. Cha luaithe dh’fhàg e ’n saoghal claon, Na choinnich Soisgeulaich e air an raon; Le ait sgeul binn mu shaoghal is fearr, Ag innse dha mar ruigt’ an dùthaich àigh. Air leam gun d’amhairc e a nunn agus a nall, mar gum b’àill leis teicheadh; ach dh’fhuirich e mar bha e, a chionn nach b’aithne dha cion a rachadh e. Chunnaic mi ’n sin duine gam b’ainm Soisgeulaich a’ teachd da ionnsuidh, ’sa feòraich dheth, C’arson a tha thu’g èigheach? Fhreagair e, tha mi tuigsinn leis an leabhar a th’ann am [TD 3] laimh, gu bheil mi fo bhinne bàis, ’san diaigh sin ri teachd chum breitheanais; agus tha mi ga m’ fhaireachduinn neo-thoileach air a cheud ni, agus neo-iomchuidh air an dara ni. Eabh. ix. 27. Iob xvi. 21. Esec. xxii. 14. An sin thuirt Soisgeulaich, c’arson nach deoin leat am bàs fhaghail, o tha choilion olc sa bheatha so? Fhreagair an duine, A chionn gu bheil eagal orm gun cuir an eallach so a th’air mo mhuin fodha mi ni’s doimhne n’an uaigh, ’s gun tuit mi do Thophet, Isa. xxx. 33. Agus mar ’eil mi iomchuidh air dol do’n ghainntir, cha’n’eil mi iomchuidh air dol chum breitheanais, no idir chum na breith a chur an gniomh orm; agus ’se bhi smaoineach air na nithibh sin is mathair-aobhair do m’ ghearan. An sin thuirt Soisgeulaich, Ma se so do chor, C’arson a tha thu fuireach gun ghluasad? Fhreagair e, Arson nach aithne dhomh cia ’n taobh a theid mi. An sin thug e dha sgriobhadh air an robh sgriobhta, Teich o’n fheirg a ta ri teachd, Mat. iii. 7. Leugh an duine an sgriobhadh, agus sheall e air Soisgeulaich gu beachdail, agus thuirt e, Cion is eigin domh teicheadh? An sin thuirt Soisgeulaich, a’s e comharrachadh le mheur th’ar raon farsuing, Am bheil thu faicinn an doruis ud? Mat. vii. 13. Fhreagair an duine, Cha’n ’eil: An sin thuirt Soisgeulaich, Am bheil thu faicinn an t’ soluis dhealruich ud? Fhreagair e, Air leam gu bheil: An sin thuirt Soisgeulaich, Cum an solus sin a’d’ bheachd, agus imich direach da ionnsuidh, agus chi thu ’n dorus ’s an uair a bhuaileas tu aige, innsear dhuit ni’s còi; dhuit a dheanamh. Agus chunnaic mi a’m’ aisling gun do theann an duine ri ruidh; ach cha deachaidh e ach goirid o thigh fein, ’n uair a thug a bhean agus a chlann an aire dha, ’sa ghlaodh iad ris pille; ach cha’n èisdeadh e riu, Luc. xiv. 26. ach ruidh e air aghaidh, ag èigheach, Beatha! Beatha! beatha bhith-bhuan! Ionnas nach d’amhairc e air ais, ach thàr e as chum meadhon a chòmhnaird, Gein. xix. 17. Thainig na coimhearsnaich mar an ceudn’ amach a dh’fhaicinn mar ruidheadh e, agus rinn cuid diubh fanoid air, bhagair cuid eile dhiubh e, agus ghlaodh cuid eile dhiubh ris pilleadh; agus nam measg-san bha dithis [TD 4] dhaoine a chuir rompa gun d’thugadh iad air ais e ga an-toil. B’e ainm a h-aon diubh Ceann-laidir, agus ainm an fhir eile Socharach. Ach bha e nis air dol uidhe mhath uatha, gidheadh chuir iad rompa dol air a thòir, agus an ùine ghearr rug iad air. An sin thuirt an duine riu, A dhaoine c’arson a thainig sibh am dhiaigh? Thuirt iad ris, A chuir impidh ort pille maille ruinne: Ach thuirt e riu, Cha’n fhaod sin tachairt; Oir tha sibhs’ ann am baile an Leir-sgrios, far an d rugadh mise; gu h-àraidh se sin beachd sa bheil mise ga fhaicinn; agus ma ghlacas bàs sibh gun iompachadh ann, théid sibh luath no mall fodha ni’s isle n’an uaigh, do dh’ionad a tha losgadh le teine agus pronnusg: Gabhaibh mo chomhairl, a dheagh Choimhearsnaich, agus rachaibh leamsa.—Am b’aill leat, arsa Ceann-laidir, gum fàgamaid ar daimhich agus ar toil-inntinn ’nar diaigh? B’aill, arsa Criosduidh, (oir b’e so ainm) a chionn nach aithrigh gach ni a dh’fhàgas sibh aon uair a choimeas ris na tha fiuthair agams’ a mhealtuinn: (2 Cor. iv. 18.) agus ma dh’fhalbhas sibh leam, bithidh sibh air cho’-diol riumsa; oir far a’bheil mis’ a’dol tha gu leoir ri fhaighinn agus ri sheachnadh, Luc. xv. 17. Thigibh mata agus dearbhaibh a chùis. Cean. Ciod iad na nithe a tha thu’g iarruidh, o’n atha thu cuir cùl ris gach ni eile chum gum faigh thu iad? Criosd. Tha mi’g iarruidh oighreachd neo-thruaillidh, fior-ghlan, agus nach searg air falbh, 1 Pead. i. 4. Eabh. xi. 16. Agus tha i air a tasguidh shuas air neamh, chum a buileachadh aig an àm shuidhichte, orrasan a dh’iarras gu dicheallach i: Faodaidh sibh fhaicinn gu bheil a chùis mar sin, ma leughas sibh mo leabhar-sa. Ceann. Tosd, arsa Ceann-laidir, beir uam do leabhar: Am pill thu leinne, no nach pill? Criosd. Cha phill gu deimhin, thuirt easan; a chionn gun do chuir mi mo lamh ris a chrann. Luc. ix. 62. Ceann. Thig thusa mata a choimhearsnaich Shocharaich leamsa, agus theid sinne dhachaidh as eug’ais. Tha na h-urrad de na baoghairibh bochda sin, ’n uair a ghabhas iad cùis nan aire, a tha na m beachd fein ni’s glice na seachdnar a bheir freagradh gu ceart. [TD 5] Soch. An sin thuirt Socharach, na tòisich ri càine; m’as fior na thuirt an deagh Chriosduidh, ’s fearr na nithe air am bheil easan an tòir na na nithe air a’bheil sinne an tòir; tha mo chridhe gam aomadh gu dol maille ris. Ceann. An e gu bheil thusa cuideachd ad amadan? Gabh mo chomhairlse, agus theirig dhachaidh; co aig tha fios cion a threoraicheas a shamhuil sin de neo-dhuine thu? Imich air t’ais, agus bi glic. Criosd. Ni h eadh, ach thig thusa fos maille ri d’choimhearsnach Socharach; oir gheibhear na nithe man do labhair mise, agus ioma ni is ro-luachmhoire; mar creid thu mise, leugh an leabhar so, agus mar dhearbhadh air na tha air aithris ann, tha’n t’iomlan air a cho’-dhaighneachadh le fhuil-san a rinn e. Eabh. ix. 17, 18, 19, 20. Soch. A nis, a choimhearsnaich Cheann-laidir (arsa’ Socharach) tha mi teachd gu ceann mo chomhairle agus tha mhiann orm dol leis an duine mhath so, agus cuid mo chunnairt a ghabhail leis; ach an aithne dhuitse, mo dheagh chombanach, an t’slighe chum an ionaid ion-mhiannuichte so? Criosd. Sheol duine gan ainm Soisgeulaich dhomh dol chum doruis a tha romhainn, far am faigh sinn eolas air an t’slighe. Soch. Thig mata, a dheagh choimhearsnaich, agus imicheamaid; ’an sin dh’fhalbh iad le cheile. Ceann. Agus theid mise dhachaidh, arsa Ceann-laidir, cha bhi mi ni’s faide an cuideachd amadanaibh bochd gun chiall. A nis chunnaic mi am aisling, ’n uair bha Ceann-laidir a dol air ais, gun robh Criosduidh agus Socharach a’cainnt mar so r’a chèile air an t’slighe. Criosd. Cionnas a tha thu gad fhaireachduinn, a nàbuidh Shocharaich? ’S toilichte mi gun d’aontaich thu dol leam; nam mothaicheadh Ceann-laidir trian na tha mis a’faireachduinn, ma chumhachd agus uamhunn na tha fhathast ri fhaicinn, cha chuireadh e mar so cùl co faoin ruinn Soch. O nach ’eil a nis againn ach sinn fein, innis domh a Chriosduidh, am barrachd mu na nithe a tha far am bheil sinn a’dol, agus cionnas a mhealar iad. Criosd. Tha mi ni’s comasaiche smuainteach orra no [TD 6] labhairt umpa: ach o’n is deoin leat fiosrachadh fhaghail umpa leughaidh mi m’an timchioll as mo leabhar. Soch. A’ bheil thu meas gu bheil na th’ann ad leabhar fior? Criosd. Gu deimhin tha; oir rinneadh e leis-san nach urrainn breug a dheanamh. Tit. i. 2. Soch. Ro mhath, ciod na nithe a th’ann? Criosd. Tha rioghachd neo-chriochnach r’a sealbhachadh, agus beatha shiorruidh ra buileach oirne; chum gum meal sinn an rioghachd am feasd. Isa. xv. 17. Eoin x. 27, 28, 29. Soch. Ro mhath, agus ciod tuille? Criosd. Bheirear dhuinn coroin ghloire; agus trusgain a dhealraicheas mar a ghrian am meadhon nan speur. 2 Tim. iv. 8. Foill. xxii. 5. Mat. xiii. 43. Soch. ’Staitneach sin, feuch ciod tuille? Criosd. Cha bhi èigheach no cràdh tuille ann; oir siabuidh Triath na tìre gach deur o’r sùilibh. Isa. xv. 8. Foill. vii. 16, 17. xxi. 4. Soch. Ach ciod a chuideachd a bhios againn ann? Criosd. Bithidh sinn leis na seraphims agus leis na cherubims, a bheir sgleo air ar suilibh amharc orra. (Isa. vi. 2. 1 Tes. iv. 16, 17 Foill. v. 11.) an sin fòs coinnichidh sinn mìltean agus deich mìltean a chaidh romhainn do’n ionad sin; cha dean a h-aon diubh dochoir dhuinn; ach tha iad taitneach agus naomha, gach aon ag imeachd an sealladh Dhe, agus nan seasamh le taitneachd na làthair am feasd: An aon fhocal, chi sinn na seanairean le’n crùin òir; an sin chi sinn na h-òighean naomha le’n clàrsaichibh òir; an sin chi sinn daoine chaidh leis an t’saoghal a reubadh as a chéile, a losgadh, a dh’itheadh le fiadh-bheathaichibh, a bhàthadh sa chuan, arson a ghràidh a bh’aca do Thriath nam feart: iad uile nis gu slan fallainn, sgeudaichte le neo-bhasmhoireachd mar fhalluing. Foill. iv. 4. Caib. i, ii, iii, iv. Eoin xii 25. 2 Cor. v. 2, 3, 5. Soch. ’S leoir na chuala mi a chuir aiteas air cridhe duine; ach am meal sinne iad sin? Cionnas a gheibh sinn co’-pairt díubh? Criosd. Sgriobh an Tighearn, Uachdran na tìre sin san leabhar so; ’se is brìgh dha, ma bhios sinn da rìreadh toil- [TD 7] each fhaghail, gum builich easan gu saor oirn e. Isa. lv. 1, 2. Eoin. vii. 37. Foill. xxi. 6. xxii. 17. Soch. Ro mhath, a chombanaich, ’s buidheach mi sin a chluintinn: thig, agus luathaicheamaid ar ceum. Criosd. Cha’n urra mi coiseachd co luath ’s bu mhath leam, leis an eallaich so a th’air mo dhruim. A nis chunnaic mi am aisling, ’n uair a sguir iad a labhairt, gun d-thainig iad dlù do làthaich dhomhain a bha ann am meadhon a chòmhnaird, agus air dhoibh gun bhi air am faicill, thuit iad le chéile san t’slochd. B’e ainm an t’sluichd Mi-mhisneach. Ann an so bha iad gan eabradh fein re tamuill, air dhoibh dol fada fodha san làthaich; agus bha Criosduidh ga shàruchadh leis an eallaich a bh’air. Soch. An sin thuirt Socharach, Mo thruaighe, a Chriosduidh, c’àit a’bheil thu nis? Criosd. Gu firinneach, arsa Criosduidh, cha’n aithne dhomh. Soch. ’Nuair a chuala Socharach so, ghabh e mi-thlachd, agus thuirt e le frionas r’a cho’-fhear-turuis, an e so an sonas m’an do labhair thu rium? Ma tha sinn co mi-shealbhar an toiseach ar turuis, ciod ris an ion fiuthair a bhi againn man ruig sinn ceann ar n-uidhe? Ma gheibh mise beo as an t’slochd so, gheibh thu fein an tìr àghmhor ud r’a sealbhachadh air mo shonsa. Agus le sin a ràdh, thug e sùrdag no dha le uile neart, agus fhuair e mach as an t’slochd air an taobh bu tinne air a thigh, chum an deachaidh e, agus dh’fhàg e Criosduidh gu deanamh air a shon fein mar dh’fhaodadh e. Uime sin dh’fhàgadh Criosduidh a’cuir nan car dheth an slochd na Mi-mhisnich na aonar; ach bha e sìor oirpeachadh teachd as air an taobh a b’fhaide o thigh fein, agus a b’fhaigse do’n dorus chum ’n do sheoladh e; ach dh’fhairtlich air leis an eallaich a bh’air a mhuin; ach chunnaic mi am aisling, gun d’thainig fear d’am b’ainm Cobhair da ionnsuidh, a dh’fheoraich dheth, Ciod a bha e deanamh san àite sin? Criosd. Thuirt Criosduidh, gun d’iarradh air an t’slighe so a ghabhail, le duine dam b’ainm Soisgeulaich, a sdiuir mi chum an doruis ud, chum gun seachnainn an fhearg ri [TD 8] teachd: ’s am feadh a bha mi ’g imeachd, thuit mi san t’ slochd so. Cobh. Ach c’arson nach d’amhairc thu arson a chlachrain? Criosd. Ghlac na h-urrad eagail mi, ’s gun do theich mi air an rathad a b’fhaigse, agus thuit mi ann. Cobh. An sin thuirt e, thoir dhomh do lamh. Shìn e a lamh dha, agus tharruing e as e, ga chuir air talamh tioram; agus dh’àithn e dha imeachd roimhe, Salm. xl. 2. An sin chaidh mi da ionnsuidh-san a tharruing as e, agus thuirt mi ris, O’n is e so an t’slighe o bhaile an Leir-sgrios chum an doruis ud, c’arson nach ’eil an rathad air a charamh, chum gum faodadh daoine bochd air an turus imeachd gu tearuint? Agus thuirt e rium, Cha ghabh an làthach so caramh; ’se’n t’ionad anns a ’bheil gach salachar agus anabas a tha’n co’-chuideachd geur-mhothachaidh arson peacaidh a sior ruidh; agus uime sin theirear slochd na Mi-mhisnich ris; oir mar mhosglar suas am peacach ma thimchioll a staid chaillte, tha ioma cùram mi-mhisneach agus teagamh ag èiridh suas na anam, agus tha iad uile a co’-chruinneachadh co’-lath san àite so; agus se sin an cionfath ma bheil an rathad co olc. Cha’n e idir toil an Righ gum biodh an t’slighe so co olc, Isa. xxxv. 3, 4. tha a luchd muinntir le òrdugh o luchd-riaghlaidh a’ caramh na h-earrainne so o cheann còrr agus Seachd ceud deug bliadhna, ’s gidheahh cha’n ’eil e fathast càirichte; ach ’s fiosrach mi, thuirt easan, gun do shluig am boglach so iomad mìle luchd fèini de theagasg fallain o gach cearnadh de rioghachd an Righ, (agus their iadsan gam fearr gan aithne a chùis, gur iad sin na nithe is fearr a ni e) chum gun rachadh a chàramh, nan gabhadh e deanamh; ach se slochd na Mi-mhisnich e fhathast: agus buanaichidh e mar sin a dh’aindeoin na dh’fhaodar a dheanamh. Tha e fior, gu bheil fo sheoladh Righ nan righ, clachan diongmhalta mar chlachran air an socruchadh ann am meadhon an eabair so; ach air a shamhuil so de dh’àm tha’n t’ionad a’brùchdadh a mach a shalchair, mar aig mùghadh na h aimsir, ’s gur gann a chithear an clachran, no ma chithear idir iad, bithidh daoin ullamh gum mearach- [TD 9] dachadh le tuainealaich a theid nan ceann, ’san sin bithidh iad air an eabrudh gu h èididh; ach ’nuair a gheibh iad thairis air, tha iad an sin air talamh cruaidh, air dhoibh dol a stigh air an dorus. 1 Sam. xii. 23. Chunnaic mi an sin ann am aisling, gun d’rainig Socharach dhachaidh; agus thainig a choimhearsnaich ga fhaicinn; mhol cuid dhiubh a’ ghliocas a chionn e thighinn dachaidh, thuirt cuid eile diubh gu’m b’amaideach dha dol le Criosduidh: rinn dream eile fanaid air arson a chladhaireachd, ag ràdh, o’n a theann e idir ri dol air aghaidh, nach b’fhiu e nach d’rainig e ceann na h-uidhe: ach bha Socharach gu ìogarra tosdach nam measg: ach an ceann ùine bheag dh’fhàs e ni bu mhisneachaile, agus thoisich iad uile ri càine Criosduidh nach robh san làthair. An urrad so mu thimchioll Socharach. A nis air do Chriosduidh bhi ’g imeachd gu trom inntinneach leis fein, chunnaic e fear fad as, a’teachd na cho’-dhail, agus thachair iad air a chèile aig dealachadh an da rathaid. B’e ainm an fhir a thachair air Gliocas saoghalta, bha e thamh ann am baile Seoltachd-fheolmhor, baile mòr a bha fagus air an àite san robh Criosduidh a chòmhnuidh. Chual’ an duine so mu Chriosduidh, (oir chaidh iomradh mu e a theicheadh o Bhaile an Leir-sgrios am fad agus am fagus) agus ’n uair a chunnaic e a choiseachd èigneach le iomad osann throm, thòisich e air cainnt ris: Glioc. An cluinn thu a dhuine chòir, c’àit a ruigeas tu le d’ throm uallaich? Criosd. Tha i trom gun amharus, co trom ’s a bha aig duine bochd riamh! agus o’n a dh’fhiosraich thu c’àit a bha mi dol, innsidh mi dhuit e; Tha mi dol a dh’ionnsuidh an doruis ud a tha air thoiseach orm; oir chaidh innse dhomh gum faighinn an sin fios cionnas a chuitichinn m’eallach. Glioc. A’ bheil bean agus clann agad? Criosd. Tha sin agam; ach tha mi co throm-luchdaichte leis an eallaich so, ’snach ’eil mi gabhail tlachd annta mar b’àbhaist dhomh; Air leam gu bheil mi mar nach biodh iad idir ann. 1 Cor. vii. 29. Glioc. An èisd thu riumsa ma bheir mi comhairl ort? Criosd. Ma bhios i math eisdidh; oir ’s mor m’fheum air deagh chomhairle. [TD 10] Glioc. Bheirinn a chomhairl’ ort mata, a cheud chothrom a ghabhail air bhi cuibhte de d’ eallaich; oir cha bhi t’inntinn sochdair gus an tachair sin; cha mhò is urrainn duit na sochairean a bhuilich Dia ort a mhealtuinn air chòir gus am bi i dhi ort. Criosd. ’Se bhi cuibhte do m’ eallaich a tha mi’g iarruidh: ach le m’ neart fein cha’n urra mi: cha mhò tha duine ’nar sgìreachd is urrainn a toirt diom; air an aobhar sin tha mi dol, mar thuirt mi riut, chum gum faigh mi dhiom i. Glioc. Co dh’iarr ort tighinn an taobh so gu faighinn diot? Criosd. Dh’iarr duine thachair orm a mheas mi gun robh e na dhuine mòr agus cumhachdach, dam b’ainm, Soisgeulaich. Glioc. Gu ma h-olc dha arson a chomhairle! cha’n ’eil rathad air an t-saoghal is cunnartaiche agus is draghaile na sin air an do sheol e thu; agus tuigidh tu sin ma leanas tu a chomhairle-san. Mhothaich thu càileigin deth cheana, oir tha mi faicinn salachar Slochd na mi mhisnich ort; ach cha’n’eil an sin ach toiseach na triobluid a thig air gach neach a gluaiseas air an t’slighe air a’ bheil thus’ ag imeachd eadhon sgìos, cràdh, ocras cunnairt, lomnochda, claidheamh, dorchadas, bàs, agus gach dosguinn eile: tha na nithe sin dearbh chinnteach o fhiosrachadh ioma neach: Agus c’arson a chuireadh duine e fein ann an cunnart co mòr air comhairle coigrich. Criosd. Th’an eallach so a th’air mo ghiulan a’ cuir tuille uamhuinn orm na tha gach ni a dh’ainmich thu; air leam nach sòrainn ciod a thachradh orm nam faighinn saor o’m eallaich. Glioc. Cionnas a fhuair thu’n toiseach t’ eallach? Criosd. Le leughadh an leabhair so o th’ann am laimh. Glioc. B’i sin mo bharail: agus dh’èirich dhuitse mar thachair do ioma fear lag-eanchainneach eile, a bha gabhail gnothaich ri nithe a bha an-àrd os an ceann a thuit gu grad ann an imcheist, a chuireas nam breislich iad co mòr, mar thachair dhuitse, ’s gun co’-èignichear iad gu oirp a thoirt air ni nach aithne dhoibh. [TD 11] Criosd. ’S math a tha fios agams’ ciod a b’àill leam fhaotainn; oir ’se saorsainn o’m eallaich a tha dhi orm. Glioc. Ach c’arson a tha thu ’g iarruidh fois air an doigh so, a chionn gu bheil a choilion cunnart na cho’-lorg? gu h-àraidh, mu chreideas tu mise, ’s math a b’urrainn mi do sheoladh chum na tha dhì ort fhaotainn, gun thu a ruidh a choilion cunnnart; agus tha e so-fhaotainn cuideachd: agus an ionad nan cunnart sin, gheibh thu tearuinteachd, cairdeas agus toil-inntinn. Criosd. Nochd dhomhs an diomhaireachd sin. Glioc. Tha annsa bhail’ ud thall, dan ainm Saoghaltachd, duin uasal a thàmh dan ainm A reir-an Lagha, duine tuigseach, fo dheagh alladh, aig a’ bheil eolas chum do leithids a shaoradh o’n eallaich; oir ’s fiosrach mi gun d’rinn e iomad uair e: ’s a bharr air a sin, tha eolas aige na leighiseas iadsan a tha’n cunnart dol as an riaghailt le’n eallaich. Theirig ga ionnsuidh-san agus, mar thuirt mi, gheibh thu grad chobhair. Cha’n ’eil a thigh ach gann mìle as a so; agus mar bi e fein aig an tigh, tha fleasgach òg is mac dha, gan ainm Suairceas, a ni an gnothach co math ris fein. An sin gheibh thu fuasgladh o t’ eallaich; agus mar miann leat pille chum an ionaid san robh thu roimhe a chòmhnuidh, far nach comhairlichinn duit dol, faoduidh tu fios a chuir air do mhnaoi agus air do chloinn chum a bhaile so, far a’ bheil ni ’s leoir de thighean folamh, a gheibh thu air mhàl beag. Tha mar an ceudna lòn saor so-fhaghail ann, agus faodaidh tu do beatha a chaitheadh ann gu sona socair, an co-chomunn ri deagh choimhearsnaich. A nis le so a chluinntinn bha Criosduidh san iomachomhairle gun fhios aige ciod a dheanadh e; ach smaoinich e ma bha e fior na thuirt an duin uasal ud ris gum b’fhearr dha a chomhairl a ghabhail; agus thuirt e ris, Criosd. Am bi thu co math ’san rathad gu tigh an duine sin fheuchainn domh? Gliocas. Am faic thu a bheinn àrd ud? Criosd. Chi gu math. Gliocas. ’S eigin duit dol seach a bheinn ud, agus se thigh-san a cheud tigh a thig thu. Mar so chaidh Criosduidh as a shlighe chum dol gu [TD 12] tigh a Reir-an-lagha a dh’iarruidh còmhnadh: ach feuch ’n uair thainig a dlù air a bheinn, air leis gun robh i co corrach àrd an crochadh as a cheann, ’s gun robh eagal air dol ni b’fhaide, man tuiteadh i air; uime sin sheas e gun fhios aige ciod a dheanadh e. Agus fòs air leis gun d’fhàs eallach na bu truime na bha i am feadh a bha e air an t’slighe. Thainig mar an ceudna lasraichean teine amach as a bheinn a chuir geilt mhor air (Ecs. xix. 18, 19. Eabh. xii. 21.) a chuir air bhall-chrith agus ’na fhallas e. B’aithreach leis a nis gun do ghabh e comhairle Ghliocais-shaoghalta; agus annsa chruaidh-chas so, chunnaic e Soisgeulaich a’ teachd na chò’dhail, ni a chuir e gu nàire agus rughadh gruaidh. Thainig Soisgeulaich am fagus da, agns dh’amhairc e gu coimheach gruamach air; agus mar so thuirt e ris, Soisg. Ciod a tha thu deanamh an so a Chriosduidh? Ach cha robh fhios aig Criosduidh ciod a theireadh e ris, agus dh’fhan e na thosd. A bharr, thuirt Soisgeulaich ris, Nach d’thusa an fear a fhuair mi ag èigheach an taobh a muigh de bhalladh baile an Leir-sgrios? Criosd. ’S mi, gun ag. Soisg. Nach do sheol mi dhuit an rathad chum an doruis chumhang ud? Criosd. Sheol gu deimhin. Soisg. Cionnas ma ta a chaidh tu co grad as an t’slighe? Oir tha thu nis air seacharan. Criosd. Choinnich duin uasal mi co luath ’sa thainig mi a Slochd na mi-mhisnich, a chuir impidh orm dol do’n bhaile tha romham, ’s gum faighinn an sin fear a bheireadh m’eallach dhiom. Soisg. Co am fear a bh’ann? Criosd. Bha coslas duin uasail air, labhair e moran cainnte rium, agus dh’aom mi leis; chuir e impidh orm tighinn an so: Ach ’n uair a dh’amhairc mi air a bheinn so, ’sa chunnaic mi mar tha i’n crochadh os cionn an rathaid, ghrad sheas mi air eagal gun tuiteadh i air mo cheann. Soisg. Ciod a thuirt an duin uasal sin ruit? Criosd. Dh’fheoraich e dhiom c’àit a bha mi dol? Agus dh’innis mi dha. [TD 13] Soisg. Agus ciod a thuirt e’n sin? Criosd. Dh’fheoraich e’n robh teaghlach agam? Agus dh’innis mi dha gun robh. Ach thuirt mi ris gun robh mi co throm-luchdaichte leis an eallaich a bh’air mo mhuin ’snach robh na h-urrad thlachd agam dhuibh ’sa b’abhaist domh. Soisg. Agus ciod a thuirt e ’n sin? Criosd. Dh’iarr e orm m’eallaich a chuibhteachadh co luath ’sa b’urrainn mi; dh’innis mi dha gur e sin air an robh mi’n tòir: agus gun robh mi dol a chum an doruis ud, a dh’fhaotainn tuille seolaidh mar ruiginn ionad na saorsaidh. Thuirt easan rium gun seoladh e dhomh rathad a b’ aithghearr agus a b’fhearr, nach robh idir co cunnartach ris an t’slighe a sheol thusa dhomh; agus treoraichidh an rathad a nochdas mise dhuit thu chum tighe duin uasail aig an robh eolas air m’eallaich fhuasgladh dhiom: chreid mis’e, agus chlaon mi o’n t’slighe sin da h-ionnsuidh so, a dh’fheuchainn an grad fhaighinn fuasgladh o’m eallaich. Ach ’nuair a thainig mi chum an ionaid so, ’sa chunnaic mi na nithe uabhasach sin, dh’fhàs mi air chrith le h-eagal; agus a nis cha’n fhios domh ciod a ni mi. Soisg. An sin thuirt Soisgeulaich, seasamh mar tha thu car tamuill gus an nochd mise dhuit briathra Dhe. Agus sheasamh e air bhall-chrith. An sin thuirt Soisgeulaich, Eabh. xii. 25. Thugaibh an aire nach diult sibh easan a tha labhuirt; oir mar deachaidh iadsan as a dhiult an ti a labhair o Dhia riu air thalamh, is mòr is lugha na sin a theid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe san a ta labhairt o nèamh. A bharr air sin, thuirt e, Bithidh am fìrean beo tre chreideamh; ach ma philleas aon neach air ais, cha bhi tlachd aig m’anam ann. Cho’-chuir e mar so iad: ’S tus’ an duine sin a tha ruidh chum na truaighe so. Thionnsgain thu air cùl a chuir ri comhairl an De is ro-àirde, a phille o imeachd air slighe na sìth, gu h-inbh bhig, an cunnart do leir-sgrios. An sin thuit Criosduidh aig a chosan, ag èigheach, Mo thruaighe mi oir tha mi caillte! agus ’n uair a chunnaic Soisgeulaich e, rug e air laimh dheis air, ag radh, Maithear gach peacadh agus toibheum do dhaoinibh. Mat. xii. Na bi mi-chreideach ach a’ creidsinn, Marc. iii. Air cluinn- [TD 14] tinn sin do Chriosduidh bheothaich beagan, agus sheasamh e suas, air chrith mar bha e roimhe an làthair Soisgeulaich. An sin thuirt Soisgeulaich, Thoir aire dhùrachdach do na nithibh a dh’innseas mise dhuit. Nochdai mise dhuit co a mheall thu, agus co ionnsuidh a chuir e thu. ’Se ainm an fhir a thachair ort Gliocas-saoghalta, agus ’s ceart a theirear sin ris, a chionn gu bheil e amhain toigheach air teagasg an t’saoghail so; uime sin tha e do ghnà a’ dol do’n euglais do bhaile nam beus: oir tha sin ga shaoradh o’n chrann-ceusaidh a thogail; agus cuideachd a chionn gu bheil e de’n ghne-fheolmhor so, uime sin tha e ’g iarruidh mo shligheansa a chlaonadh, ged atha iad ceart. Tha air an aobhar sin tri nithe ann an comhairl an duine so gan eigin duit fuath a thoirt. 1. A chionn gun do phill e as an t’slighe thu. 2. An oirp a thug e air thu thoirt fuath do’n chrann-cheusaidh. 3. Agus a chionn gun do sheol e dhuit an t’slighe a tha treoruchadh gu bàs. 1. ’S eigin duit do thionnda as an t’slighe fhuathachadh, seadh fòs agus t’aontacha fein da ionnsuidh cuideachd: do bhri gur e so cùl a chuir ri comhairle Dhe, air comhairle Gliocais Shaoghalta. Tha’n Tighearn ag ràdh, Deanaibh spairn gu dol a stigh air an dorus chumhang, Luc. xiii. am bealach chum a’bheil mise gad’ sheoladh: Oir ’s cumhang an t’slighe a tha treoruchadh gu beatha, agus is tearc iadsan a tha ’g amus oirre. Mat. vii. 13, 14. O’n bhealach chumhang so, agus o’n t’slighe ga ionnsuidh, phill an duine aingidh ud thu, le’m beag a bh’eadar thu ’s a bhi caillte: uime sin fuathaich do thionnda as an t’slighe, agus biodh mi-thlachd ort riut fein a chionn gun d’èisd thu ris. 2. ’S eigin duit gràin a ghabhail ri e shaoithreacha ris a chrann-cheusaidh fhàgail mi-thaitneach leat; oir ’s eigin a roighneacha th’ar ionmhas na h-Eipht’, Eabh. xi. 25, 26. Os barr, dh’innis Righ na gloire dhuit, Gur eigin dhasan a shàbhalas a bheatha a call: Marc. viii. 35. Eoin. xii. 25. Mat. v. 39. Agus an ti a leanas easan, agus nach fuathaich athair agus a mhathair, a bhean agus a chlann, a bhràithrean agus a pheathraichean: seadh, agus a bheatha [TD 15] fein cuideachd, nach fhaod e bhi na dheisgiobuil dha-san. Luc. xiv. 26. ’S eigin duit uime sin fuath a thoirt do theagasg an duine sin leis am b’àill a thoirt ort a bhi na atharracha so do bharail. 3. ’S fheudar dhuit e sheoladh dhuit imeachd air an t’slighe a threoraicheas gu bàs fhuathachadh. Agus air a shon so, ’s eigin duit a thoirt fainear co ionnsuidh a chuir e thu, agus mar an ceudna cia co neo-chomasach ’s a bha e air do shaoradh o d’eallaich. B’e am fear chum an do chuir e thu gu fois fhaotainn. A reir-an lagha Gal. iv. 21,—72. mac na ban-tràill, a tha nis fo dhaorsa maille r’a cloinn, ni is e fo shamhladh sliabh Shinai so, a bha eagal ort a thuiteadh air do cheann. A nis, ma tha ise le cloinn fo dhaorsa, cionnas a shaoileas tu is urrainn doibh thus’ a dheanamh saor: Cha’n urrainn ma ta am fear so a Reir-an lagha do shaoradh o t’eallaich. Cha do shaor e duine riamh uaipe; agus cha mhò a shaoras. Cha chomasach do dhuin air bith bhi air fhìreanacha tre oibribh an lagha, oir tre oibre an lagha cha’n fhaigh duine sam bith cuibhte ga eallaich; uime sin is coigreach Gliocas Saoghalta, agus is slaoitire am fear a tha Reir-an-lagha; agus arson a Mhic Suairceas, ga mìog-shuileach a sheallas e cha’n ’eil ann ach cealgair, gun chomas aige do leasuchadh. Creid mi, cha robh an rùn nan daoin aingidh ud, ga mor an t’èuchd as an treubhantas, ach do chuir air iomrall air do shlainte, le d’ sheoladh as an t’slighe ’s an d’àithn mise dhuit imeachd. An dèigh so leig Soisgeulaich fhianuis air neamh gur i’n fhirinn a chanadh leis; agus air ball thainig cainnt agus teine a mach as a bheinn a bha’n crochadh os ceann Chriosduidh bhochd, a thug air fholt èiridh air a cheann. B’i so a chainnt a chual e, A mheud sa tha fo’n lagh tha iad fo’n mhalluchadh; oir tha e sgriobhta, is malluichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh ata sgriobht an leabhar an lagha chum an deanamh, Gal. iii. 10. Cha robh a nis fiughair aig Criosduidh ri ni air bith ach am bàs, agus thòisich e ri èigheach gu cràiteach, a ’toirt a mhìle malluchd air an àm a thachair e air Gliocas Saoghalta; a’sior ràdh nach robh ann ach amadan a chionn gun d’èisd e r’a chomhairle: bha e fòs fo mhoran nàire, [TD 16] do bhri gun do chuir e impidh air le briathraibh feolmhor, gun do thrèig e an t’slighe cheart. Air dha bhi mar so chuir e chomhairl a rìs ri Soisgeulaich ann am briathraibh mar iad so a leanas. Criosd. Ciod i do bharail? An ion dùil a bhi agam ri tròcair? Am faod mi nis dol air m’ais, agus dol a rìs suas a chum an doruis. Nach cuirear cùl rium air a shon so, agus mo chuir air m’ais fo nàire? ’S deacair leam gun d’ èisd mi ri comhairl an duine so: Ach am faodar maitheanas a thoirt domh? Soisg. An sin thuirt Soisgeulaich ris, Tha do pheacadh ro-mhor, oir tha thu coireach de dha chionta mhor; thréig thu ’n t’ slighe cheart, gu imeachd ann an slighe thoirmisgte; gidheadh gabhaidh an dorsair riut, oir tha deagh-rùn aige do dhaoinibh; Amhain, bi air t’ fhaicill nach pill thu a thaoibh a rithist, air eagal gun cuirear as duit air an t’ slighe, ’n uair a lasas fhearg. An sin chuir Criosduidh e fein na uidheam gu dol air ais; agus an diaigh do Shoisgeulaich a phògadh, dh’amhairc e air le fèth-ghaire, agus ghuidh e deagh shoirbheacha dha. Mar sin dh’fhalbh e an cabhaig, gun fhocal a ràdh ri aon neach a thachair air, agus gad a labhradh iad ris, cha d’ thugadh e freagradh dhoibh. Dh’ imich e mar neach a bhiodh a’ coiseachd air talamh toirmisgte, gun bhi ga mheas tearuinte gus an d-rainig e rìs an t’slighe air an robh e ’nuair chomhairlich Gliocas saoghalt as e. Agus an ceann tamuill rainig e’m bealach: Agus bha sgriobhta os cionn an doruis, Buail, agus fosglar dhuit e, Mat. vii. 8. Uime sin bhuail e uair no dha ag ràdh, An gabhar mis a nis a steach? Ged tha mi truaillidh ’m beus: Ma ghabhas seinnidh mi gun chlos, Cliu siorruidh feadh gach re. An sin thainig duine faicilleach a dh’ionnsuidh an doruis gam b’ainm Deagh-ghean, a dh’fhiosraich co bha’n sin? cia as a thainig e? agus ciod a bha e ’g iarruidh? Criosd. ’S e th’ann peacach bochd trom-luchdaichte; thainig mi o Bhaile an Leir-sgrios, agus tha mhiann orm dol chum Sliabh Shioin, chum gun saorar mi o’n fheirg ri [TD 17] teachd: dh’innse dhomh gur h-ann tre’n bhealach so a tha’n rathad, uime sin ’s math leam fheoraich an deonach leatsa mo leig a steach? Deagh. ’S deoin leam do ghabhail a stigh, thuirt e, agus dh’ fhosgail e’n dorus. Agus an uair a bha Criosduidh a’ dol a steach, tharruing Deagh-ghean leis e. An sin dh’fheoraich Criosduidh dheth, ciod bu chiall da sin? thuirt e ris, Goirid o’n dorus so tha daighneach laidir air a’ bheil Beelsebub na uachdaran: agus tha e fein agus iadsan a tha maille ris, cleachdta ri saighdean a thilgeadh orrasan a thig chum an doruis so, a dh’fheuch an urrainn iad cuir as doibh man d’ thig iad a steach. An sin thuirt Criosduidh, Tha aiteas agus eagal orm. ’San uair a thainig e stigh, dh’fheoraich an dorsair dheth co a sheol an sud e. Criosd. Dh’iarr Soisgeulaich orm teachd gu ruig a so, agus bualadh agus gun innse tusa dhomh ciod a dheanainn. Deagh. Tha dorus fosgaille fa d’ chomhair, agus cha’n urrainn aon neach a dhruideadh. Criosd. Anis tha mi teanna ri toradh mi chunnairt a shealbhachadh. Deagh. Ach cionnas a thainig thu a d’ aonar? Criosd. Do bhrigh nach do mhothaich a h-aon diubh an cunnart mar mhothaich mise. Deagh. An robh fios aca gun d’fhalbh thusa? Criosd. Bha, chunnaic mo bhean agus mo chlann mi, agus ghlaodh iad rium pilleadh: ghlaodh fòs cuid de m’ chiomhearsnaich rium pilleadh cuideachd; ach cha d’thug èisdeachd dhoibh, agus dh’fhalbh mi. Deagh. Ach an do lean aon neach thu gu impidh chuir ort pilleadh? Criosd. Lean, an da chuid Ceann-laidir agus Socharach: ach ’n uair a thuig iad nach gabhainn an comhairle, phill Ceann-laidir dhachaidh; ach thainig Socharach tamull beag maille rium. Deagh. Ach c’arson nach d’thainig e’n fhad so? Criosd. Thainig sinn cò’lath, gus an d’thainig sinn Slochd-na-mi-mhisnich, far ’n do thuit sinn gu grad: ’S an sin dh’fhàillnich misneach mo chombanaich, ’s cha tigeadh [TD 18] e ni b’fhaide. Ach air dha faighinn a mach air an taobh bu tinn’ air a thigh, thuirt e rium gun sealbhaichinn an tir shona sin am aonar air a shonsa. Mar sin dh’imich e roimhe; agus thainig mise mar so. Deagh. An sin thuirt Deagh-ghean, mo thruaighe, an duine bochd, a’ bheil gloir nam flaitheas co suarrach leis-san ’s nach b’fhiu leis beagan dragh a ghabhail a chionn ruigheachd air. Criosd. Gu deimhin, dh’ innis mi’n fhirinn mu Shocharach; agus nan innsin an t’iomlan umam fein, cha mhòr eadar-dhealachadh a biodh eadaruinn. Chaidh easan gun ag air ais da thigh fein, ach chaidh mise a thaoibh air slighe a bhàis, oir chuireadh impidh orm gu sin a dheanamh le dian-earail Gliocas Saoghalta. Deagh. Mo thruaighe, an do thachair easan ort? Am b’àill leis thu dh’iarruidh fuasgladh o’n fhear A reir-an-lagha? Tha iad le chèile gu carach cealgach. Ach an do ghabh thu chomhairle? Criosd. Ghabh, co fad ’s a bha chridhe agam: Chaidh mi dh’iarruidh A reir-an lagha, gus an robh eagal orm gun tuiteadh a bheinn a th’aig a thigh air mo cheann; ’san sin b’ eigin domh stad. Deagh. ’Sioma neach a thug a bheinn sin am bàs, agus bheir i bàs ioma neach fhathast: ’S math nach do chuir i as duit. Criosd. Gu firinneach cha’n aithne dhomh ciod a tharladh dhomh, mar tachradh gu fortanach Soisgeulach orm a rìs, am feadh a bha mi meoraich ciod a dheanainn: Ach b’ann de thròcair Dhe gun d’thainig e’m ionnsuidh, no cha d’thiginn am feasd an fhad so. Ach a nis thainig mi, mar tha mi; agus bu mhò bu chuibhe dhomh bhi air mo chuir gu bàs leis a bheinn ud, no bhi mar so cho dàna ’sa bhi labhairt ri m’ Thriath. Ach O nach sona dhomhsa gun d’fhuair mi mo gabhail a stigh ’an so? Deagh. Cha’n àbhuist duinn cùl a chuir ri aon neach, ge b’e ni a ni iad m’an d’-thig iad. Cha tilgear air aon chor a mach iad; air an aobhar sin, a dheagh Chriosdui thig leamsa c’ar tamuill bhig, agus teagaisgidh mi dhuit m’an t’slighe air an eigin duit imeachd. Seall romhad; am faic thu’n rathad cumhang ud; sin an t’ slighe air an eigin [TD 19] duit imeachd: Rinneadh i leis na priomh-athairichibh, na fàidhibh, Criosd agus na h-Abstoil; agus tha i co direach ’s is urrainn di bhith: ’Si so an t’slighe air an eigin duits’ imeachd. Criosd. Ach, arsa Criosduidh, bheil car a nunn no nall ann, leis am faod an coigreach dol am mearachd? Deagh. Tha ioma car; tha iad gu farsuing fiar: ach faodaidh tusa ’n t’ slighe cheart aithneachadh o’n t’ slighe dhocharaich, a chionn gur i ’n t’slighe cheart a tha a mhain gu direach cumhang, Mat. vii. 14. An sin chunnaic mi am aisling, gun d’fhiosraich Criosduidh dheth, am b’ urrainn da cuideach a dheanamh ris mun eallaich a bh’air a mhuin a chuibhteacha; oir fhathast cha d’fhuair e bhi cuibhte dhi; ’scha mho a b’urrainn da gun chòmhnadh. Dh’innis e dha, Athaobh t’eallacha giulain leatha c’ar beagan, gus an d’thig thu gu ionad na saorsa: oir an sin tuitidh i dhiot leatha fein. An sin thòisich Criosduidh ra leasruidh a chrioslachadh chum imeachd air a thurus. Agus dh’innis am fear eile dha, ’Nuair a thàradh e tamull o’n dorus, gun d’ thigeadh e gu tigh an Fhir-theagaisg, no mhìneachaidh; gum buaileadh e aig an dorus, agus gun nochdadh e dha nithe ro-oirdheirc. An sin ghabh Criosduidh beannachd le charaid, agus thuirt e ris a rìs, Gun soirbhicheadh Dia leat. Mar sin dh’imich e gus an d’thainig e tigh an Fhir-theagaisg, aig an do bhuail e uair no dha; fa-dheoidh thainig aon chum an doruis, a dh’fheoraich, Co tha’n sin? Criosd. Tha’n so fear-turuis, air an d’iarr fear-eolais aig fear-an-tighe so, guth a dheanamh aige chum mo bhuannachd: b’àill leam, uime sin, labhairt ri fear-an-tighe. Chaidh gairm air fear-an-tighe, agus thainig e far an robh Criosduidh, agus dh’fhiosraich e ciod a bh’air aire? Criosd. Thuirt Criosduidh, ’s duine mise a thainig o bhaile an Leir-sgrios, agus tha mi dol chum Sliabh Shioin; agus thuirt am fear a th’aig an dorus air ceann na slighe so rium, nan deanainn guth an so, gum foillsicheadh tusa [TD 20] dhomh nithe taitneach, a dheanadh còmhnadh rium air mo thurus. Fear. An sin thuirt am Fear-teagaisg ris, Thig a stigh; Nochdai mise dhuit nithe bhios feumail duit. Thug e àithne da oglach coinneal a lasadh, agus dh’iarr e air Criosduidh a leantuinn; Agus thug e steach e do sheomar uaigneach, ’s dh’iarr e air oglach dorus fhosgladh, leis am faca Criosduidh dealbh duine fior shocrach an crochadh ris a bhalladh, agus b’e so a choslas: bha shùilean ag amharc ri neamh, an leabhar a b’fhearr na laimh, lagh na firinn sgriobht air a bhilibh, bha’n saoghal air a chùl, sheasamh e mar a’tagradh ri daoinibh, agus bha crùn an crochadh os cionn a chinn. Criosd. An sin thuirt Criosduidh, ciod is ciall da so? Fear. An duine is e so a dhealbh, is aon a mìle e: ’S urainn da clann fhaghail, bhi ri saothair leo, agus an altrum nuair a bheirear iad (1 Cor. iv. 15. Gal. vi. 19.) agus mar a chi thu e le shùilibh togta ri neamh, an leabhar is fearr na laimh, agus lagh na firinn sgriobht air a bhilibh; ’s ann a dh’fheuchainnn duitse gur e obair-san a bhi foillseachadh nithe dorcha do pheacaich: eadhon mar tha thu ga fhaicinn na sheasamh a’tagradh ri daoinibh. Agus leis mar tha thu faicinn an t’saoghail mar air a chùl, agus crûn an crochadh os a cheann, tha sin a nochda dhuit, a chionn gun do chuir e an suarrachas na nithe a tha làthair, arson na speis a th’ aige do sheirbheis a mhaighstir; gu bheil e cinnteach, san ath-shaoghal, gum faigh e crùn glòire mar a dhuais. Anis thuirt e, Nochd mi an dealbh so dhuit air tùs, a chionn gur e ’n duine a tha a dhealbh an so an t’aon duine gan d’thug Triath an àite, chum a’bheil thus’ a’ dol, comas do sdiùradh anns gach ionad docair fad do thurais: Air an aobhar sin gabh sàr-bheachd air na nochd mi dhuit; agus cuimhnich air na chunnaic thu, ’n t’eagal gun tachair ort air do thurus iadsan a ghabhas os laimh do threoruchadh air an t’slighe cheart, ’n uair is ann a tha iad ged chlaonadh gu bàs. An sin ghlac e air laimh dheis e, agus thug e steach e do sheomar mòr a bha làn dè dhuslach tioram, a chionn nach robh e idir ga sguabadh: agus an diaigh dha amharc air re seal, dh’àithn am Fear-teagaisg do fhear a [TD 21] sguabadh; ach ’n uair a thòisich e ra sguabadh, bha’n duslach tioram ag èiridh co anabarrach, ’snach mòr nach do thachd e Criosduidh. An sin thuirt am Fear-teagaisg, ri Cailin a bha laimh ris, Thoir an so an t’ uisge, agus crath air an t’seomar e; ni nuair a rinn i, ghabh an seomar sguabadh gu glan taitneach. Criosd. An sin thuirt Criosduidh, Ciod is brìgh dha so? Fear. Fhreagair am Fear-teagaisg. ’se’n seomar so cridhe an duine nach deachaidh riamh a naomhacha le gràs an t’soisgeil: ’s e’n duslach a pheacadh gein, agus a thruailleachd o’n leth a stigh a shalaich an duine gu h-iomlan. Easan a thòisich air tùs ri sguaba b’e’n Lagh e; ach b’e’n neach a chrath an t’uisg air an Soisgeul. Ach a chionn gum faca tu co luath ’s a thoisich a cheud neach ri sguaba, gun do sgap an duslach suas feadh an t’seòmair co mòr ’s gun robh e’n cunnart do thacadh, tha so a’ nochda dhuit gur ann a tha’n lagh trid oibreachadh a’neartuchadh agus a’ beothachadh a pheacaidh, an ionad a chridhe a ghlanadh uaithe, eadhon, mar tha e ga nochda agus ga thoirmeasg; oir cha’n ’eil e buileachadh a chumhachd gu cheannsachadh Romh. vii. 6. 1 Cor. xv. 56. Rom v. 20. A rithist, mar chunnaic thu’n cailin a’crathadh an uisge air an t’seomar, leis ’n do ghlan e gu h-ealamh taitneach; tha so a’ feuchainn duit ’n uair a thig an soisgeul le chumhachd blasta drùighteach do’n chridhe, mar sin gu bheil am peacadh air a cheannsuchadh, agus gu bheil an t’anam air a ghlanadh tre chreidimh, agus air dheanamh iomchuidh gu righ na gloir a ghabhail tamh ann, Eoin xv 3. Eph. v. 20. Gniomh. xv. 9. Rom. xvi. 25. 26. Eoin. xv. 13. Osbarr chunnaic mi am aisling, gun d’rug am Fear-teagaisg air laimh air, agus threoraich e do sheomar beag e, far an robh da leanamh bheag nan suidhe. B’e ainm an dara fir Buaireas, agus an fhir eile Foighidinn. Bha Buaireas ro-neo-thoilichte, ach bha Foighidinn ro-chiùin. An sin dh’fheoraich Criosduidh, Ciod is cionfath air mi-thoileacha Bhuaireis? Thuirt am Fear-teagaisg, B’àill le’n Uachdaran araon gum feitheadh e r’a nithe maith gu toiseach na h-ath-bhliadhna; ach ’s deonach leis-san an t’iomlan fhaghail an trà so: ach tha Foighidinn toileach fuireach ris an àm. [TD 22] An sin chunnaic mi gun d’thainig aon a dh’ionnsuidh Bhuaireis, a thug dha sporan ionmhais, agus thaom e aig a chosan e; thrus e suas e, agus rinn e gairdeachas air a shon; agus rinn e gàire fanoid mu Fhoighidinn; ach an ceann uine bheag mhothaich mi gun do struigh e ’n t’ iomlan air falbh, agus nach d’ fhan a bheag aige ach broineagan gun seadh. Criosd. An sin thuirt Criosduidh ris an Fhear-theagaisg, mìnich so dhomh ni ’s mò. Fear. Agus thuirt e ris, Is samhladh an da òig-fhear ud; Tha Buaireas na shamhladh air fir an t’ saoghail so, agus Foighidinn air fir an ath-shaoghail; oir, mar chunnaic thu gum b’àill le Buaireas an t’ iomlan a shealbhachadh am bliadhna; ’se sin r’a ràdh, san t’ saoghal so; ’s amhuil fir an t’ saoghail so; ’s math leo an nithe maithe uile fhaotainn san àm, gun fhuireach ris an ath-bhliadhna; ’se sin, gus an ath-shaoghal, chum an nithe maithe fhaotainn. Tha ’n gnath-fhocal so ni’s druightich orra, Gur fearr aon eun an laimh no dha-dheug air iteig, na gach fianuis dhiadhaidh mu mhaitheas an t’saoghail ri teachd. Ach leis mar chunnaic thu, gun do struigh e ’n t’ iomlan an ùine ghearr, agus nach d’fhuirich a bheag aige ach nithe gun seadh; ’s amhuil a thàrlas dan leithid sin de dhaoinibh aig crich an t’ saoghail so. Criosd. An sin thuirt Criosduidh, Tha mi nis a’ faicinn gur e foighidinn is fearr air ioma doigh, 1 A chionn gun d’ fhuirich e ris na nithe maith. 2 Agus fòs gum bi a chuibhrionn-san a lathair ’nuair a striudhear a chuid-san. Fear. Cha ’n e a mhain sin, ach faodar a chuir ris ga chliuthacha, nach searg gloir an ath shaoghail am feasd; ach gun teirig na nithe a bhuineas do’n bheatha so an ùine ghearr. Air an aobhar sin cha robh na h-urrad aobhair aig Buaireas fanoid a dheanamh air Foighidinn, a chionn gun d’fhuair e a dheagh nithe an toiseach, ach bithidh deagh aobhar aig Foighidinn fanoid a dheanamh air-san, a chionn gun d’fhuair e a nithe maith fa dheireadh: oir bithidh toiseach aig an deireadh: uime sin an ti a fhuair a chuibhrionn an toiseach, fhuair e ùine ga chaitheadh, ach easan a fhuair fa dheireadh e, bithidh e aige gu buan maireannach; uime sin theirear m’ an Gheòcaire [TD 23] shaibhir, Anns a bheatha so fhuair thusa do nithe maith agus fòs Lasaras a nithe olc; ach a nis tha sòlas aige-san, agus tha thus’ air do chlaoidh. Criosd. Tha mi leis a sin a’ toirt fainear nach còir a bhi déigheil air na nithe a tha làthair, ach fuireach gu foighidneach ris na nithe atha chum teachd. Fear. ’Sceart a thuirt thu sin; Oir tha na nithe a tha ri fhaicinn aimseireil, ach na nithe nach faicear siorruidh; ach ged a tha so mar sin, gidheadh tha na nithe a tha lathair, agus ar n-ana-mianna saoghalta co dlu an daimh r’a chèile; agus faodar a radh, gu bheil na nithe ri teachd, agus nithe feolmhor an aineol ga chèile. Chunnaic mi an sin am aisling, gun do ghlac a’m Fear-teagaisg air laimh Criosduidh, ’s gun do threoraich se e far an robh teine losgadh ris a bhalladh, agus aon na sheasamh lamh ris, a’ sior thilgeadh uisg air a chum a chuir as; gidheadh bu bhraisead a bha e gabhail. An sin thuirt Criosduidh, Ciod is brigh dha so? Thuirt am Fear-teagaisg ris, ’Se ’n teine obair nan gràs a th’air oibreacha san anam; ’s easan a bha tilgeadh an uisg air chum a chuir as an diabhal: ach leis mar chunnaic thu gur ann bu dèine bha e gabhail, chi thu fòs an cionfath man do thachair sin. Agus thug se e gu taobh cùil a bhalladh, far am fac’ e duine le soitheach ola na laimh, a thaosg e gu diomhair air an teine. An sin thuirt Criosduidh, ciod is brigh dha so? Fhreagair am Fear-teagaisg, ’Se so Crîosd, a tha do ghnàth le ola nan gràs a’ toirt air a h-aghaidh na h-oibre a thòisich anns a chridhe: ’s a tha a dh’ aindeoin na dh’fhaodas an droch-spiorad a dheanamh, a’ cumail anma a shluaigh ann an deagh-fhonn. Agus leis mar a chunnaic thu ’n duine a bh’air cùl a bhalladh a’ sior bheothachadh an teine, tha so a theagasg dhuit, gur deacair do na creidich a thoirt fainear mar tha obair nan gràs air a cumail suas annsan anam, 2 Cor. xii; 9. Chunnaic mi fòs, gun do ghabh am Fear teagaisg a rìs air laimh e, ’s gun do threoruich se e gu ionad maiseach, far an robh lùth-chuirt àluinn air a togail, a bha ro-thaitneach do’n t’ sùil; ni a thug toileacha mòr do Chriosduidh; chunnaic e mar an ceudna muinntir àraidh ag imeachd air [TD 24] a mhullach, a bha air an sgeudachadh le h-òr. An sin thuirt Criosduidh, am faod sinne dol a steach ann? Ghlac am Fear-teagaisg air laimh e, agus thug se e gu dorus na lùth-chuirt; agus feuch bha aig an dorus buidheann dhaoine, a bha co déigheil air dol a stigh, ach cha robh chridhe aca. Shuidh fòs duine aig bòrd tamull beag o’n dorus, le leabhar, agus inneal sgriobhaidh-air a bheul-thaobh, a chuir sios ainm gach neach a rachadh a stigh: chunnaic e mar an-ceudna, gun robh anns an dorus nan seasamh daoine fo’n armaibh chum a choimhead, a’ cuir rompa na h-urrad dholaidh sa b’urrainn doibh a deanamh orrasan leis am b’àill dol a stigh. Le so fhaicinn, bha caileigin ioghnaidh air Criosduidh: fo dheire, ’n uair a leum gach fear air ais le eagal roi na daoine bha fo’n armaibh, chunnaic Criosduidh duine gramail ladurna a’teachd da ionnsuidh-san a bha na shuidh gu sgriobhadh, ag ràdh ris, cuir sios m’ ainmse, agus ’n uair a rinn e sin, chunnaic e ’n gaisgeach a’ tarruing a chlaidheamh, ’s a’ cuir clogaid mu cheann, ’sa dol le uile neart chum an doruis far an robh na daoin armaichte, a thug an aon aghaidh gharbh air; ach cha b’ann air a mhi-thapadh a chaidh easan, ach thoisich e r’an slachdadh thall sa bhos, le garbh bheumaibh fuilteach. Mar so an diaigh dha ioma creuchd fhaghail agus a dhìoladh orrasan le ’m b’àill a chumail a mach, rinn e rathad roimh ’n iomlan aca a steach do’n lùth-chuirt; agus air faicinn sin doibh rinn iadsan a bha stigh gàir eibhinn, eadhon iadsan a a bha coiseachd air mullach na lùth-chuirt, aig ràdh; Thigse a steach le caithream buaidh, ’S bitbidh glòir neo-chriochnach dhuit mar dhuais. Mar sin thàr e steach, agus chaidh èididh cosmhuil riusan, a bha stigh. An sin rinn Criosduidh smèide gàire, agus thuirt e, air leam gu bheil mi tuigsinn brìgh nan nithe sin. A nis arsa Criosduidh, leig leam triall. Cha leig fhathast, ars’ am Fear-teagaisg, gus an nochd mi beagan tuille dhuit, ’s an sin falbhaidh tu. Ghabh e ris air laimh e, agus thug se e do sheomar dorcha, far an robh duine na shuidh an cròdh iaruinn. Le amharc air an duine so mheasadh aon gun robh e ro-bhrònach; bha a na shuidh a’g amharc air làr, a lamhan [TD 25] glaiste na chèile, agus a chridhe gu brise le osnaich. An sin thuirt Criosduidh, Ciod is ciall da so? Agus thuirt am Fear-teagaisg ris, labhairt ris an duine. An sin thuirt Criosduidh ris an duine, Co thu? Fhreagair an duine, ’S mi an ti nach bu mhi aon uair. Criosd. Co bu tu aon uair? Duine. Thuirt an duine, Bha mi aon uair am fhear aidmheil sgiamhach taitneach, araon am bharail fein agus dhaoin eile: bha mi aon uair, air leam, iomchuidh air flaitheas, bha aiteas orm a’ smaoineacha gum faighinn dol a steach ann Luc. viii. 13. Criosd. Ach, co thu a nis? Duine. ’S duine ea-dòchasach mi, agus tha mi air m’iom-dhruideadh ann, mar anns a chrò so. Cha’n urra dhomh dol as: Mo thruaighe a nis cha’n urrainn! Criosd. Ach cionnas a thainig thu chum na h-inbhe so? Duine. Leig mi dhiom faire agus a bhi suidhichte; leig mi srian le m’ana-miannaibh; pheacaich mi’n aghaidh solas an t’saoghail, agus mathas De: chuir mi doilgheas air an Spiorad, agus dh’fhàg e mi; bhuair mi an diabhol, agus thainig e m’ionnsuidh; bhrosnaich mi Dia gu feirg, agus threig e mi: chruadhaich mi mo chridhe co mòr ’snach comasach dhomh aithreachas a ghabhail. An sin thuirt Criosduidh ris an Fhear theagaisg, Am bheil aobhar dòchais aig a leithid so de dhuine? Feoraich dheth, ars am Fear-teagaisg. Criosd. Thuirt Criosduidh ris, An ion fiuthair a bhi agad ri cobhair, no’n eigin duit bhi air do chumail ann an crò so an Ea-dòchais? Duine. Cha’n’eil dòchas idir agam ri cobhair. Criosd. C’arson, tha’m Fear saoruidh ro-thròcaireach. Duine. Ged a tha, Cheus mise as ùr e; rinn mi tàir air a phearsa, agus air fhìreantachd: mheas mi fhuil mar ni mi-naomha: rinn mi tailceis air Spiorad nan gràs; uime sin dhruid mi mi fein a mach o chòir air gach gealladh; agus cha’n’eil ni an dàn domh a nis ach bagradh uamhasach eagallach ri breitheanas agus fearg theinnteach, a sgriosas mar eas-caraid mi, Eabh. vi. 6. Luc. xix. 14. Eabh. x. 27, 28, 29. Criosd. C’arson a thug thu thu fein chum na staid so? Duine. Arson cìocrais, sòlais, agus buannachd an t’saogh- [TD 26] ail so; nithe o’n robh fiuthair agam mòr thoil-inntinn fhaghail: ach tha gach ni dhiubh a nis gam theumadh agus ga m’ lot mar chnuimh ghnà chlaoidhtich. Criosd. Nach urrainn duit fhathast aithreachas a ghabhail agus pilleadh? Duine. Dhiult Dia aithreachas domh; cha’n ’eil fhocal a’ toirt misnich dhomh gu creidsinn; ni h-e a mhàin sin, ach dhruid e fein a stigh sa chrò iaruinn so mi; a’s cha’n ’eil e’n comas fir an domhain mo chuir fa sgaoil. O a shiorruidheachd! a shiorruidheachd! Cionnas a chathaicheas mi ris an truaighe is eigin teachd orm fad siorruidheachd? Thuirt am Fear-teagaisg ri Criosduidh, Cum truaighe an duine so a’d’ chuimhne, agus cumadh e do ghnà air t’ fhaicill thu. Criosd. Is eagallach an ni so, arsa Criosduidh, Gun deonaicheadh Dia dhomh bhi faicilleach agus cialluch, ’s a ghuidhe gun seachain mi aobhar thruaighe an duine so. Nach mithich dhomh a nis bhi triall air mo thurus? Fear. Fuirich gus am feuch mi aon nì eile dhuit, ’san sin falbhaidh tu. Rug e rithist air laimh Chriosduidh, agus threoraieh se e do sheomar far an robh aon ag èiridh as a leabuidh; agus mar bha e cuir uime a thrusgain, bha e air bhall-chrith. An sin thuirt Criosduidh, C’arson a tha’n duine so air chrith co mòr? Thuirt am Fear-teagaisg ris, Innis do Chriosduidh c’arson a tha thu air chrith, agus mar so thòisich e air a ràdh, An raoir ’nuair bha mi m’ chadal, bhruadair mi, agus feuch dh’fhàs na neamha ro-dhorcha: thainig fòs dealanach agus tàirneanach ro-mhor a chuir anabharr eagail orm: dh’amhairc mi suas am aisling, agus chunnaic mi gluasad neo-chumannt air na neoil; agus chuala mi fuaim trompaid, agus duine na shuidh air neul agus mìltean fhlaitheis a’fritheala dha: bha iad uile nan teine lasurra; bha na neamha fòs nan lasair theine. Chuala mi’n sin guth, ag ràdh, Eireadh na mairbh, agus thigeadh iad chum breitheanais: agus leis a sin sgoilt na creagan, dh’fhosgail na h-uaighean, agus thainig na mairbh a bh’annt’ a mach: bha cuid diubh ro ait, ag amharc suas; agus bha cuid eile dhiubh ag iarruidh iad fein fholach fo na sleibhtean: An sin chunnaic mi’n duine bha na shuidhe [TD 27] air an neul a’fosgladh an leabhair, ’s ag iarruidh air an t’sluagh teachd am fagus. Gidheadh, a thaobh lasair gharg a bha teachd a mach sa dol roimhe, bha astar iomchuidh eatorra, mar bhios eadar breitheamh agus ciomaich anns an tigh-mhòid. Chuala mi cuideachd èigh air a toirt dhoibh-san a bha frithealadh air an ti a bha na shuidhe air an neul, ag ràdh, Cruinnichibh ra cheile an cogul, am moll, agus an fhas-bhuain, agus tilgibh iad do’n loch loisgeach; agus leis a sin dh’fhosgail an slochd gun iochdar, direach far an robh mi am sheasamh, as an d’thainig anabhara deataich agus eibhle teine, le ulthartaich eagallaich. Chaidh a ràdh ris a mhuinntir cheudna, Cruinnichibh a stigh mo chruithneachd do m’ shaibhlibh. Leis a sin chunnaic mi mòran air an giulan suas sna neoil; ach chaidh mis fhàgail nan déigh. Dh’iarr mi fòs gu mi fein fholach, ach cha b’urra dhomh, oir chum an neach a bha na shuidhc air an neul a shuil gu beachdai orm, thainig mo pheacaidh am aire, agus dhìt mo choguis mi air gach laimh. San iomaguin so mhosgail mi a’ m’ shuain. 1 Cor. xv. 1. 1 Tes. iv. Jude. 15. Eoin v. 28. 2 Tes. i. 8. Foill. xx. 11—14. Isa. xvi. 21. Mic. vii 16, 17. Salm v. 1, 2, 3. Mal. iii. 2, 3. Dan v.i. 9, 10. Marc. iii. 13. xiv. 30. Mal. iv. 1. Luc. iii. 17. Rom. ii. 14, 15. Criosd. Ach ciod a chuir na h-urrad eagail ort roi’n t’sealladh? Duine. Shaoil mi gun d’thainig latha bhreitheanais, agus nach robh mi deas fa chomhair: ach chuir so am barrachd eagail orm gun do chruinnich na h-aingil moran suas ’s gun d’fhàg iad mise nan diaigh; agus fòs gun d’fhosgail ifrinn a beul direach far an robh mi a’m’ sheasamh. Bha mo choguis cuideachd gam dhìte: agus air leam gun robh sùil a bhreitheamh do ghnà orm, agus corruich na ghnùis. An sin thuirt am Fear-teagaisg ri Criosduidh, an d’thug thu fainear na nithe sin? Criosd. Thug, agus tha iad a’cuir eagail orm, agus a’toirt misnich dhomh. Fear. Cum iad sin uile, ma ta, ann ad aire, chum gum bi iad mar bhioraibh ri d’ thaobh gu d’ chumail air ’taghaidh air an t’ slighe air an eigin duit imeachd. An sin thòis- [TD 28] ich. Criosduidh ra leasruidh a chrioslachadh, gu dol na uidheam fa chomhair a thuruis. An sin thuirt am Fear-teagaisg ris, Gun robh an Co’fhurt’ear do gnàth maille riut, a dheagh Chriosduidh, chum do sdiuradh air an t’slighe a tha treòruchadh gu baile an De mhòir. Mar so dh’fhalbh Criosduidh roimhe, ag ràdh, An so chunnaic mi na chuir ioghnadh orm, Nithe taitneach agus duaichnidh; deonach dhomh An tuigsinn; chum ’sna ghabh mi os laimh, A Bhi seasmhach buan; ’s ann a chum na criche so A chaidh am foillseach dhomh: an sin bitheam Taingeil duit a dheagh Fhir-theagaisg. Beannachd leat. Cunnaic mi am aisling, gun robh’n rathad-mòr air an robh Criosduidh ri imeachd, air ioma-dhruideadh air gach taobh le balladh, agus b’e ainm na callaide sin, slainte. Ruidh e suas am bruthach gu luath caithriseach le eallaich air a dhruim, Isa. xxvi, 1. Ruidh e mar so gus an d’thainig e cas-bhruthach, agus air an uchdan sin bha crann-ceusaidh air fhastadh, agus beagan fodha, bha uaigh. Air leam ann am aisling co luath ’sa thainig Criosduidh gu bun a chroinn-cheusaidh, gun do lasaich eallach m’an cuairt da, agus gun do thuit i sios car air char, gus an d’thainig i beul na h-uaigh, gun do thuit i innte, agus cha’n fhaca mi tuille i ni’s mò. An sin bha Criosduidh gu h-eatrom aighearach, agus thuirt e le cridhe ait, Dheonaich e dhomh fois trid fhulangais, agus beatha trid a bhais. An sin sheas e re tamuill a bheachducha le h-ìognadh ma thimchioll; oir b’iongantach leis gun d’thug aon sealladh do’n chrann-ceusaidh air eallaich dealachadh ris. Dh’amhaire e co dil a rithist agus a rithist, gus an do thòisich a shuilean ri sileadh dheur. Agus air dha a bhi mar so a’beachdachadh agus a’sile dheur, feuch thainig triuir dhealrach da ionnsuidh, agus chuir iad fàilte air aig ràdh, sìth gan robh agad: thuirt a cheud fhear dhiubh ris, Tha do pheacaidh air am maitheadh dhuit: thug an darna fear dheth èididh riobagach, agus sgeudaich se e le mùghadh trusgain: chuir an treas fear comharr air clàr aodainn, agus thug e dha sgriòbhadh, agus seula air, air an d’iarr e amharc nuair a ruidheadh e, agus gun d’thugadh e seachad e aig an dorus neamhuidh: [TD 29] agus dhealaich iad ris. An sin leum Criosduidh gu h-àrd le mòr aoibhneas, agus chaidh e air aghaidh a’canntaireachd gu cridheil; Sech. xii. 10. Marc. i. 2. Sech. iii. 4. Ephes. i. 13. Faodaidh Criosduidh oran a ghabhail na aonar, am feadh a bhuilicheas Dia aiteas cridhe air. An fheadh so thainig mi le m’pheacaidh sgìth, A bha dhomh nan eire thruim gun fhois, gun sìth: Gus ’n do thàr mi ’n so; gu ionad taitneach suairc, Gu tùs mo shòlais; dh’fhaobhaich air mo chruas. An so thuit an t’ eire chuir orm spairn, Lasaich gach cuibhreach chum in sàs; Is àghmhor dhomhs’ an crann, ’san uaigh; Ach ’s àghmhoire na sin am Flath a thug orr’ buaidh! Chunnaic mi’n sin am aisling, mar so gun deachaidh e air aghaidh, gus an d’thainig e chum glaice, beagan bh’àrr an rathaid, far am fac e triuir dhaoine nan suain chodail, agus cuibhrich air an cosaibh. B’e ainm a h-aon diubh Sochair, an fhir eile Dearmad, agus ainm an treas fir Dànachd. ’Nuair chunnaic Criosduidh an cor san robh iad, chaidh e d’an ionnsuidh, chum an dùsgadh; agus dh’èigh e, Tha sibh cosmhuil riusan a choidleas ’am barr a chroinn, oir tha’n cuan mòr fuidhibh, slugan gun ìochdar: Mosgalaibh, uime sin, suas, agus falbhaibh leamsa; agus ma bhios sibh toileach ni mise còmhnadh ruibh chum ur cuibhrich fhuasgladh dhibh. Thuirt e a thuille riu nan d’thigeadh easan a tha dol m’an cuairt mar leoghann beucach nan caramh, gun tuiteadh iad gun ag leis mar chobhartach. Leis a sin thug iad sùil air, agus thuirt Sochair, cha’n fhaic mi cunnart air bith: thuirt Dearmad, Beagan tuille codail: agus thuirt Dànachd, Suidheadh gach soitheach air a mhàs fein. Mar so luidh iad sios a rìs gu codal, agus dh’imich Criosduidh roimhe air a thurus, Gnath. xxiii. 24. 1 Pead. v. 8. Co so? Tha Criosduidh: chaidh nithe sean air cùl, Tha gach ni air fàs nuadh, le sgèimh a’s mùirn; Cha’n e ’m fear greannach bochd a chleachd bhi ann: Ni trusgan àillidh caochladh gach aon àm. Gidheadh bu duilich leis a smuainteachadh, gun robh [TD 30] daoin a bha ann an cor co cunnartach, co neo-measail air caoimhneas an neach a thairig co saor gun còmhnadh, le ’n dùsgadh, ’an toirt comhairl orra agus an tairgse cuideacha leo gu ’n cuibhrich fhuasgladh. Air dha bhi mar so fo thriobluid, chunnaic e dithis dhaoine a leum th’air a bhalladh, a bh’air taobh cli na slighe chumhang; agus rug iad air. B’e ainm fir dhiubh Riaghailteach, agus ainm an fhir eile Cealgoireachd. Agus mar thuirt mi, rug iad air agus thòisich e ri cainnt riu: Criosd. Cia as a thainig sibh, a dhaoin uaisle, agus c’àit a tha sibh a’ dol? Riagh. & Ceal. Rugadh sinn an tir Gloir-dhiomhain, agus tha sinn a’ dol gu Sliabh Shioin a dh’iarruidh cliu. Criosd. C’arson nach d’thainig sibh a stigh air an dorus a tha aig toiseach na slighe? Nach aithne dhuibh gu bheil e sgriobhta, Gur gaduich agus fear-reubainn easan nach d’thig a stigh air an dorus, ach a theid suas air sheol eile, Eoin x. 1. Riagh. & Ceal. Tha gun robh dol chum an doruis air a mheas le muinntir an dùcha-san tuille ’s fad as an rathad; agus gum b’àbhaist doibh an t’aithghearr a ghabhail, agus streap th’air a bhalla mar rinn iadsan. Criosd. Ach nach measar e mar chiont an aghaidh Uachdaran a bhaile chum a bheil sinne dol, mar so ainneart a dheanamh an aghaidh a thoil fhoillsichte. Riagh. & Ceal. Thuirt iad ris, Nach ruigeadh e a leas dragh a chuir air fein ma thimchioll sin; oir gum b’e gnàth an àite o cheann mìle bliadhna mar rinn iadsan. Criosd. Ach thuirt Criosduidh, An diong ur gnàthachadhs a bheag an làthair breitheamh? Riagh. & Ceal. Thuirt iad ris gum measadh breitheamh sam bith neo-chlaon-bhreitheach gnàthachadh a bh’air bhuil o chionn cor a ’s mìle bliadhna làn cheadaichte: agus osbarr, thuirt iad, ma thig sinn air an t’slighe, ciod an umhaill cia an doigh air an d’thig sinn ann: Cha’n eil thus ach air an rathad, ged a thainig thu stigh air an dorus; agus tha sinne air ge nach d’ rinn sinn ach an gàrradh a leum: Ciod a nis is fearr do chorsa no ar cor-ne? Criosd. Tha mis ag imeaced a rêir òrdugh mo mhaigh- [TD 31] stir; tha sibhs’ ag imeachd a réir ur meanm-mhacnus bhorb fein. Tha sibhse chean’ air ur meas mar mheirlich le Triath na slighe, uime sin ’s eagal leam nach faighear ’nar daoine firinneach sibh aig ceann ur turuis. Thainig sibh as ur ceann fein gun easan g’ur seoladh, agus theid sibh a mach libh fein as eug’ais a thròcair. Cha d’thug iad ach beag freagraidh air so; ach a mhain gun dubhairt iad ris an aire thoirt dha fein. Chunnaic mi gun deachaidh iad air an aghaidh gach fear a rathad fein, gun mhòran cainnt r’a chéile, mach o gun dubhairt iad ri Criosduidh gun coimheadadh iad reachdan agus òrduighean co cothromach ris-san; uime sin, thuirt iad ris, cha’n fhaic sinn ciod sam bheil thu ag eadar-dhealuchadh uainne, saor o’n chòta sin a th’air do dhruim, a thugadh dhuit a reir ar barail-ne, chum do lomnochdta fholach. Criosd. Cha sàbhalar sibh le laghannaibh agus le òrduighibh, a chionn nach d’thainig sibh a stigh air an dorus. Agus a thaobh a chòta so, fhuair mi e o Thighearna na tìre chum a’ bheil mi dol; agus sin ceart mar thuirt sibh, a chòmdachadh mo nàire: Agus ’s comharradh air mhath leam gun d’ fhuair mi e; oir cha robh agam ach broineagan roimhe so: agus mar tha mi ’g imeachd tha mi gam thoileacha fein leis a bheachd so, Gur cinnteach ’n uair a thig mi chum geata mor a bhaile, gum fainich Triath an àite mi, o’n a tha’n còta air mo dhruim: trusgan a thug e gu saor dhomh an latha bhuin e dhiom m’ eididh bhréin fein. A bharr air sin tha comharr agam uaith an clàr-m’ eudainn, theagamh ga nach d’thug sibhs’ an aire, a chuir aon de luchd-frithealaidh ionmhuinn mo Thighearn ann air an latha a thuit m’ eallach dhiom. Os barr air sin, thugadh dhomh air an àm cheudna sgriobha naisgte a bhithinn a’ leughadh air an t’slighe: Dh’ iarradh orm a thoirt seachad aig an dorus neamhuidh, mar chomharra gum b’e mo bheatha gu dol a stigh: tha mi’n amharus gu bheil na nithe sin uile a dh’ easbhuidh oirbhse, agus sin a chionn nach d’ thainig sibh a stigh air an dorus, Gal. i. 16. Romham tha aobhar eagail, spairn am dheigh Ged dhirich mi am bruthach, tha’n leoghann a beuchd; [TD 32] Tha fois a chriosduidh gearr agus neo-bhuan Cha luaithe theid aon eagal as, na thig aon eile suas. Cha d’thug iad freagradh do na nithibh sin, ach dh’ amhairc iad air a chéile, agus rinn iad gàire. An sin chunnaic mi gun d’imich iad cuideachd, ach bha Criosduidh a cumail air thoiseach, agus a’ cainnt ris fein, air uairibh ag osnaich, agus air uairibh eile an àrd thoil-inntinn: Bhiodh e air uairibh a leughadh an sgriobhaidh a fhuair e, leis am biodh e air a bheothachadh. Bheachdaich mi, agus chunnaic mi gun deach iad uile air an adhart gus an d’thainig iad bun bruthach na h-èigin, far an robh tobar; bha mar an ceudna san ionad dà rathad eile a bharr air an rathad a thainig direach o’n dorus; bha aon diubh dol chum na laimhe cli, agus aon eile chum na laimhe deis aig iochdar a bhruthaich, ach bha ’n t’slighe chumhang a’dol direach an àird, agus ’se ainm a bhruthaich eigin no deacair. Chaidh Criosduidh a nis suas chum an tobair, agus dh’òl e a shàth as, agus thòisich e rithist ri dìreadh, Isa. xlix. 10. ag ràdh: Ge h-àrd am bruthach, ’s taitneach leam A dhìreadh suas gun sgàth; Oir ’so an t’slighe ’sam faighear fòs A bheatha shiorruidh àigh. ’N sin glacam misneach ’s bitheam treun S le cabhaig ruigidh mis: Oir ’s fearr i so ge docair i, No triall gu réidh chum sgrios. Thainig an dithis eile gu bun a bhruthaich; ach ’nuair a chunnaic iad gun robh e gu cas, corrach, àrd, agus gun robh dà rathad eile ann, air leo a bha fiaradh na slighe; smaoinich iad gu’n gabhadh iadsan an rathad a b’usa, ’s gu’n coinnicheadh iad Criosduidh taobh eile na h uchdaich; uime sin shùnraich iad dol mar sin. B’e ainm an da rathaid a bha’n sin, Cunnart, agus Leir-sgrios. Mar sin ghabh fear dhiubh an rathad ris an abrar Cunnart, a threoraich e do choillidh mhòir; agus ghluais am fear eile air slighe Leir-sgrios, leis an d’ thainig e gu magh farsuing, a bha làn de tholmana dorcha a thug air tuisleadh agus tuiteam, o nach d’èirich e tuille. Sheall mi an sin an diaigh Chriosduidh, a dh’fhaicinn [TD 33] cia mar rachadh easan a mach am bruthach, agus chunnaic mi e a’leige dheth bhi ruidh, agus dh’fhalbh e gu socair, ach an ùine ghearr b’eigin da dol air a mhàgaîbh a chionn gun robh ’n t’slighe co corrach. Bha mu thimchioll leth na slighe, suidheachan boidheach, a rinneadh le Triath a bhruthaich, chum ann an sin gun leige luchd turuis bhochda sgìth an anail: thainig Criosduidh chum an ionaid so, agus shuidh e ann: an sin thug e mach a sgriobhadh agus thoisich e air a leughadh. Theann e an so re beachd a b’fhearr a ghabhail air a chòt’ a fhuair e an àm dha bhi ’g amharc air a chrann-cheusaidh. Air dha bhi mar so ga thoileacha fein re seal, thuit e na chodal, agus bha ’m feasgar anmoch ann m’an do dhùisg e; agus am feadh a bha e na chodal, thuit an sgrìobhadh as a laimh. Ach am feadh a bha e na chodal, thainig neach da ionnsuidh a dhùisg e, ag ràdh ris, A Lundaire, ruig an seangan; thoir fainear a ghnà agus fàs glic: Leis a sin mhosgail Criosduidh suas gu grad, agus cha do stad e tuille gus an d’rainig e am mullach. Gnath. vi. 6. ’Nuair a thainig e chum a mhullaich, thainig dithis dhaoine nan ruidh na chò’dhail; b’e ainm a h-aon diubh Cion-cruadail, agus an aoin eile An-earbsa: Thuirt Criosduidh riu, A dhaoine, ciod is ciall duibh, cha’n ann mar sin is còir dhuibh triall. Thuirt Cion-cruadail ris, Gun robh iad a’ dol chum Shioin, gun do dhìrieh iad an t’slighe dhocair ud: ach, ars easan, mar is faide thèid sinn air ar n-aghaidh ’s ann is mò an cunnairt; air an aobhar sin phill sinne, agus tha sinn a’ dol air ar n-ais. Ach tha ars’, An-earbsa, oir tha direach romhainn air an t’slighe dà leomhann nan luidhe; co dhiubh tha no nach ’eil iad nan codal cha’n fhios duinn; ach cha b’fhurasda leinn dol fo’n comraich. Criosd. Tha, Thuirt Criosduidh, sibh a cur eagail orm, ach cia’n taobh a gheibh mi gu dol as? Ma theid mi do m’ thìr fein, a tha ri bhi air a losga le teine agus pronnusg, theid gu cinnteach mo sgrios ann; ach ma’s comasch dhomh am baile neamhuidh a bhuithinn, bithidh mi tearuinte. ’Seigin dhomh oirp a thoirt air; le dol air m’ ais tha mi cinnteach a bàs; le dol air m’aghaidh cha ’n ’eil e saor o eagal, ach ma ruigeas mi tha mi cinnteach as a bheatha [TD 34] mhaireannaich. Theid mi air m’ aghaidh. Ach ruidh Cion-cruadail agus An-earbsa sios am bruthach co luath ’s a b’urra dhoibh, agus dh’imich Criosduidh air a thurus. Bha e meoraich ris fein mu na chual e, chuir e lamh na bhrollach a dh’fhaighinn a sgriobhaidhc, hum a leughadh a thoirt misnich dha; ach b’e shire dha gun fhaotainn: An sin bha Criosduidh an imcheist mhòir, gun fhios aige ciod a dheanadh e, oir chaill e an ni a b’àbhuist sòlas a thoirt da; agus an ni a dheanadh a bheatha do’n bhaile neamhuidh. An so bha e fo mhòr iomaguin, ach chuimhnich a gun do choidil e air an t’suidheagan a bha mu leth a bhruthaich; agus thuit e air a ghlùinibh, agus dh’iarr e maitheanas air Dia arson an dearmaid sin, agus phill e air ais a dh’iarruidh a sgriobhaidh. Ach am feadh a bha e dol air ais, co dh’fhaodas cràdh a chridhe a chuir an ceill? Bha e air uairibh ag osnaich, air uairibh a’ gul, agus air uairibh eile a’ cuir-iomchoir air fein arson gun do choidil e ann an àite nach d’òrduicheadh gu codal, ach a mhàin gun leige luchd-turuis sgíth an anail ann. Mar so chaidh e air ais, ag amharc gu furachair air gach taobh dheth, arson an ni is tric a thug toil-inntinn da air a thurus. Dh’imich e air an doigh so gus an d’thainig e’n sealladh an ionaid san do choidil e, a dh’ath-nuadhaich a bhròn arson a dhearmaid. Mar so chaidh e air aghaidb a’ cuir-iomachoir air fein arson a chodail pheacaich, ag ràdh, Och is duine truagh mi, a chionn gun do choidil mi an solus an latha, am meadhon a choilion cunnart! gun d’thugainn do thoileacha do m’nàdur na ghnàthaicheadh gu suaimhneas, an ni a chaidh òrduchadh le Triath an àite, gu beothachadh a thoirt do’n aitim a bhiodh sgìth le’n turus! Nach ioma ceum diomhain a rinn mi! ’Sann mar so a thachair do chloinn Israeil, chaidh an cuir air an ais a laimh na mara-ruaidhe arson am peacaidh, agus tha mis air pilleadh air m’ais gu dubhach trom, far am faodainn a bhi gu h-aobhach ait, mar deanainn an codal peacach ud. B’fhad a dh’fhaodainn a bhi roimhe so air m’aghaidh air mo thurus! Tha mi nis ris an astar so imeachd tri uairean, nach ruiginn a leas ach a dheanamh aon uair: Cha’n e mhàin sin ach tha mi’n cunnart an oidhch’ a theachd orm, oir cha’n ’eil ann ach eadar-sholus an anmoich. O nach robh mi [TD 35] gun an codal ud a dheanamh! Bha e nis air teachd chum an àite agus ghuil e gu goirt; ach air dha sealltuinn gu beachdail arson an sgriobhaidh, fhuair se e far an do choidil e, agus le garbh chabhaig rug e le siceadh air, agus chuir e gu cùramach na bhrollach e: Ach co is urrainn a chuir an cèill sòlas an duine so ’nuair a fhuair e a sgrìobhadh a rìs? oir b’e so am barantas a bh’aig arson a bheatha agus gu’n gabhta gu taitneach ris ’nuair a ruigcadh e. Thug e buidheachas do Dhia a sdiuir a shùil chum fhaotainn, agus le aiteas dh’inndrinn e a rithist air a thurus: agus dh’imich e gu beothail suas gu mullach na h-uchdaich! ach m’an d’rainig e chaidh a ghrian fodha, agus thug so air a rìs cuimhneach aìr a chodal amaideach a rinn e; O an t’ suain pheacach ’s an do thuit mi! nach truagh dhomh a nis gur eigin domh coiseachd fo dhubhar na h-oi’che! cha leir dhomh an t’slighe, a’sior-chluinntinn ulthartaich agus beucaich fhiagh-bhèistean. Chuimhnich e cuideachd air an sgeul a dh’innis Cion-cruadail dha ma na leomhainn. An sin thuirt Criosduidh ris fein, Tha na fiagh-bheathaichean san oi’che a’dol m’an cuairt ag iarruidh an creich, agus ma thig iad am charamhsa, tuitidh mi leo. Cha ’n urrainn domh an seachnadh. Mar so dh’imich e gu dubhach neo-shunntach, ach air togail a shùl dha chunnaic e beagan roimhe tigh mòr rìomhach, dam b’ainm Sgiamhach; agus bha e ri taobh an rathaid. Mar so chunnaic mi am aisling, gun d’rinn e deifir ga ionnsuidh, chum gum faigheadh e’n fhardoch ann: ach man d’rainig e, chunnaic e nan luidh an àite cumhang san t’slighe an da leomhann. Dh’aithnich e gur e so fhaicinn a chuir air an ais An-carbsa agus Cion-cruadail; ach bha na leomhainn ceangailte, ge nach d’thug easan an aire dha. An sin ghlac an t’eagal e, agus smaoinich e gum pilleadh e nan diaigh: oir bha e’m barail le dol air aghaidh, gun rachadh a ghrad mharbhadh: Ach thug am Fear-faire aig an dorus, gam b’ainm Furachras, fainear gun do stad Criosduidh san iomachomhairle ciod a dheanadh e, agus dh’ èigh e ris, ag ràdh, Am bheil thu co lag-chuiseach? Na gabh eagal roi na leomhainn, oir tha iad ceangailte, agus sann mar dhearbhadh air creideamh, far a bheil e, agus a nochda far nach’eil, a chaidh na leomhainn [TD 36] a chuir an sin. Cum meadhon na slighe, agus cha d’thig beud riut. An sin chunnaic mi gun deachaidh e air aghaidh ’se air bhall-chrith roi’na leomhainn, a cumail meadhon na slighe, mar dh’iarradh air; chual e iad a’ beucaich agus ri ùinich, ach cha d’rinn iad a dhochann. An sin chaidh e air aghaidh gus an d’rainig e’n dorus aig an robh am Fear-faire, An sin thuirt Criosduidh ris, Ciod an tigh a tha’n so? am faod mise fuireach ann a nochd? Fhreagair an dorsair, Thogadh an tigh so le Triath a bhruthaich, agus ’s ann chum còmhnadh agus tearuinteachd a thoirt do luchd ghabhail-an-rathaid a rinn se e. Dh’fheorach an dorsair fòs deth cia as a thainig e? agus c’àit a bha e dol? Criosd. Thainig mi o bhaile Leir-sgrios, agus tha mi dol chum beinn Shioin; ach do bhri gu bheil a ghrian air dol fodha, agus anis an dorch ann, ’se mo ghuidhe, gum faod mi tamh a ghabhail an so a nochd. Dor. Ciod is ainm dhuit? Criosd. ’Se Criosduidh a nis m’ainm, ach b’e Cion-gràis m’ainm roimh so; tha mi de shliochd Japheit, Gein. xi. 27. air an do chuir Dia impidh gu còmhnuidh ghabhail am bùthaibh Sheim. Dor. Ach cionnas a thachair dhuit a bhi co anmoch? Criosd. Bhithinn an so na bu luaithe, mar bhiodh gun do choidil mi air suidheagan a th’air an leachduinn: Ni h-e amhain sin, ach bhithinn ann ni bu luaithe, mar caillinn mo theisteas, ni nach d’iunndrain mi gus an d’thainig mi am mullach, agus b’eigin domh pille ga iarruidh chum an ionaid san do choidil mi, far an d’ fhuair mi e, agus tha mi nis air teachd. Dor. Ro mhath, Ni mise guth air aon de dh’òighibh an àite so, agus ma thaitneas do chainnt rithe, bheir i steach thu do’n teaghlach, a reir gnàth an tighe. Mar so bhuail Furachras, an dorsair, clag, agus thainig cailin mhàlta mhaiseach a mach, gam b’ainm Suairce, agus dh’fheoraich i c’ar son a dh’iarradh i? Fhreagair an dorsair, Tha ’n duine so air a thurus o bhaile Leir-sgrios chum sliabh Shioin: ach air dha bhi sgìth agus an oi’ch air teachd air, dh’fhiosraich e dhìoms, am faigheadh e fuireach an so an nochd. Dh’innis mise [TD 37] dha gun gairminn ortsa, ’s an diaigh dhuit a sgeul a chluinntinn gun deanadh tu ris mar chitheadh tu iomchuidh, a reir nòs an tighe. An sin dh’fhiosraich i, Cia as a thainig e? agus c’àit a bha e ’dol? Agus dh’innis e dhi. Dh’fheoraich i dheth cuideachd cionnas a dh’amuis e air an t’slighe? agus dh’ innis e dhi. An sin dh’fheoraich i dheth, Ciod a chunnaic agus a thachair air air an t’slighe? Dh’aithris e dhi an da chuid: Agus fadheoidh dh’fhiosraich i ainm? Thuirt e rithe, ’S e Criosduidh m’ainm: agus tha’n tuille déigh agam air fuireach an so a nochd, do bhri gu bheil mi tuigsinn gun do thogadh an tigh so le Tighearn a bhruthaich chum an luchd turuis a ghabhail fois agus a bhi tearuint ann. Leis a so rinn i fàite gàire, agus thainig làn na sùilibh, ach air dhi fuireach re tamuill bhig na tosd, thuirt i ris, cuiridh mise fios air aon no dha de m’theaghlach. Mar so ruidh i chum an doruis, agus ghairm i air Crionnachd, Cràbhadh, agus Seirc, a thug a stigh e an diaigh beagan cainnt a ràdh ris; agus choinnich tuille dhiubh e m’an dorus, a thuirt ris, “Thig thus a steach a tha beannuicht leis an Tighearna; ’s ann arson do leithids a thog Triath an àite an tigh so.” An sin chrom e cheann agus chaidh e stigh maille riu do’n tigh. ’San uair a chaidh e stigh, ’s a shuidh e sios, thug iad da deoch, agus dh’aontaich cuid diubh inntrinn ann an seanachas ris gus am biodh an t’suipeir deas, mar chaitheamh aimsir; agus shunnraich iad Cràbhadh, Crionnachd, agus Seirc, a chainnt ris; agus mar so thòisich iad: Cràbh. A nis, a dheagh Chriosduidh, o’n a bha sinn co caoimhneil riut ’s gun d’thug sinn aoidheachd dhuit a nochd, thoir a nis, mas e do thoil e, fios duinn air gach allaban agus mi-shealbh a thachair ort air do thurus. Criosd. Is toileach a ni mi sin, agus ’s buidheach mi gu bheil sibh deonach èisdeachd r’a leithid. Cràbh. Ciod a bhrosnaich thu air tùs gu d’ bheatha a chaitheadh mar so? Criosd. Cho’-eignicheadh mi gu m’ thìr fhàgail, le sanus eagallach a thugadh dhomh, gum bithinn air mo chall gu tur nam buanaichinn far an robh mi. [TD 38] Cràbh. Ach cionnas a thachair e gun d’thainig thu as do thìr an rathad so? Criosd. ’S e Dia a sdiùir mi; am feadh a bha mi fo eagal gun rachadh mo chall, cha robh fios agam cia ’n taobh a rachainn; ach thainig duine a’m’ionnsuidh, am feadh a bha mi air bhall-chrith agus a’caoineadh, dam b’ainm Soisgeulaich, agus sheol e dhomh an t’slighe chum an doruis chumhang, ni air atharracha nach robh mi comasach air fhaotainn, agus sdiùir e mi air an rathad a threoraich ’mi direach chum an tighe so. Cràbh. Ach nach d’thainig thu dh’ionnsuidh tighe an Fhir-mhìneachaidh? Criosd. Thainig, agus chunnaic mi nithe ann a dh’fhanas a’m’ chuimhne ri m’ bheo: gu sonraichte tri nithe, ’s iad sin, mar tha Criosd a’ cumail suas obair a ghràis anns an anam a cheart ain-deoin Shatain: mar chaill an duine a dhòchas ri trocair Dhe le buanachadh na pheacadh: agus mar an ceudna aisling an fhir air leis a chunnaic gun d’thainig latha bhreitheanais. Cràbh. An cual’ thu e ag innse aislinge? Criosd. Chualadh, agus b’uamhannach e; air leam gun do chuir e crith orm am feadh a bha e ga innseadh; ach ’s math leam gun cuala mi e. Cràbh. An e sin na chunnaic thu aig a thigh? Criosd. Cha’n e idir; thug e mi far am faca mi luth-chuirt mhaiseach, agus mar bha’n sluagh a bh’ann air an èididh le h-òr; agus cionnas a thainig duine foghainteach, a chaidh a stigh a dh’aindeoin nan daoin’ armaichte a bh’aig an dorus gu chumail a mach; agus mar bha e air fhuran gu dol a stigh a chosnadh gloir shiorruidh. Bha na nithe sin ro-thaitneach leam! Dheonaichinn buanachadh aig a thigh fad bliadhna, ach bha fios agam gun robh ni b’fhaide agam r’a dhol. Cràbh. Agus ciod tuille chunnaic thu air an t’slighe? Criosd. Ciod a chunnaic mi! Cha b’fhad a chaidh mi, gus air leam, gum faca mi, duine a’call fhola ann crochadh air crann, agus thug amharc air air m’eallaich tuiteam dhiom; oir bha mi roimhe sin fo throm-uallaich. Chuir an sealladh ìoghnadh orm; oir cha’n fhaca mi riamh a leithid roimhe: Agus am feadh a bha mi ’g amharc air, [TD 39] thainig triuir dhaoine dealrach am ionnsuidh. Thuirt fear dhiubh rium, Gun robh mo pheacaidh air am maitheadh; thug fear eile dhiubh dhiom m’èididh riobagaich, agus thug e dhomh an fhalluing ghrèiste so a chi sibh; agus chuir an treas fear an comharra so an clar m’eudainn, agus thug e dhomh an sgriobha naisgte so; ni a leigeas mi dhuibh fhaicinn, m’as toil leibh e. Cràbh. Ach nach faca tu tuille fhathasd? Criosd. ’S iad sin a dh’ainmich mi na nithe a b’àraidh a a chunnaic mi; gidheadh chunnaic mi tuille sin, eadhon, Triuir dhaoine, Socharach, Dearmad, agus Dànachd nan codal ri taobh na slighe, agus cuibhrich air an cosaibh; ach cha b’urra dhomh am mosgladh: Chunnaic mi cuideachd Riaghailteach, agus Cealgoireachd a’teachd car air char thair a bhalladh, gu dol, mar thuirt iad, chum Shioin, ach bha iad gu h-obann air an call; direach mar dh’innis mi fein doibh, ach cha chreideadh iad mi. Chuir dìre na beinne so thuige gu goirt mi, ’s cha b’fhusa dhomh teachd seachad air na leomhainn; agus mar deanadh an duine math an dorsair guth rium s’math a dh’fhaoidte gum pillinn, an diaigh gach saothair a rinn mi; ach a nis, buidheachas do Dhia, tha mi’n so, agus tha mi toirt taing dhuibhse a ghabh a stigh mi. An sin smaoinich Crionnachd gum feoraicheadh ise caileigin de cheistibh de Chriosduidh. Crion. Nach cuimhnich thu air uairibh m’an dùthaich as an d’thainig thu? Criosd. Cuimhnichidh mi; ach ’s ann le nàir agus gràin; oir nam bithinn deigheil ma’n tìr as an d’thainig mi, dh’fhaoduinn cothrom a bhi agam air pille ga h-ionnsuidh, ach tha mi ’n tòir air dùthaich is fearr, Eabh. xi. 15, 16. eadhon, dùthaich neamhuidh. Crion. Nach ’eil thu do ghna a’giulan m’an cuairt leat caileigin de na nithibh bu ghnà leat a dheanamh? Criosd. Tha mi, ach ’s ann gu mòr an aghaidh mo thoil a tha mi ga dheanamh, gu h-àraidh mo smuainte feolmhor, anns an robh tlachd aig muinntir mo dhùcha co math ’s a bha agamsa; ach is aobhar bhròin domh na nithe sin a nis; agus nam bithinn air m’fhàgail gu saorsa mo thoile, cha smaoinichinn am feasd tuille orra sin: ach ’n uair a b’ [TD 40] àill leam an ni is fearr a dheanamh, Rom. vii. tha an t’olc maille rium. Crion. Nach ’eil thu faireachduinn air uairibh mar gum biodh iad sin air an ceannsuchadh? ni a tha air uairibh eile a’ cuir moran dragh ort? Criosd. Tha, ach cha’n’eil sin ach ainmig: ach ’s taitneach dhomhs an uair a thacharas sin. Crion. An urrainn duit a chuimhneachadh ciod na meadhona leis an d’thugadh buaidh air na nithe bha cuir dragh ort? Criosd. ’S urrainn domh, ’n uair a smuainticheas mi air na chunnaic mi aig a chrann-cheusaidh, ni sin e; ’n uair a dh’amhairceas mi air mo thrusgan de dh’obair ghrèis, ni sin e: agus ni suil a thoirt air an sgriobhadh a fhuair mi e: ’s an uair a smaoinicheas mi le dian-thogradh air far a’bheil mi dol. Crion. Agus ciod a tha ged dheanamh co déigheil air dol chum Sliabh Shioin? Criosd. Tha gu bheil dòchas agam gum faic mi ’n sin beo easan a cheusadh air a chrann, ’s gum faigh mi ’n sin bhi cuibhte do gach ni a tha san àm so a’ cuir dragh orm: An sin tha iad ag ràdh, nach ’eil bàs idir ann, ’s gum bi mi chòmhnuidh leis a mhuinntir is annsa leam. Oir ra innse dhuitse e, ’s toigh leam e, a chionn gur e bhuin m’ eallach dhiom; agus tha mi sgìth le m’ thinneas o’n leth a stigh: b’ ait leam a bhi far nach bi bàs tuille ann, agus maille ris an aitim a shìor-ghlaodhas a mach, ’S naomha, ’Snaomha, ’Snaomha. An sin thuirt Seirc ri Criosduidh, A’bheil bean agus Clann agad? Criosd. Tha sin agam, bean agus ceathrar de chloinn bhig. Seirc. Agus c’arson nach d’thug thu leat iad? Criosd. An sin ghuil Criosduidh, agus thuirt e, Och! cia deonach a dheanainn sin! ach bha iad uile an aghaidh mis a dhol air mo thurus. Seirc. Ach bu chòir dhuit an cunnart a shoilleireachadh dhoibh, agus oirp a thoirt air an iompachadh gu dol leat? Criosd. Rinn mi sin; agus dh’innis mi dhoibh na dh’fhoillsich Dia dhomh mu sgrios ar baile; ach ’sann a bha mi dhoibh mar aon a bha fanoid, agus cha do chreid iad mi, Gein. xix. 14. [TD 41] Seirc. An do ghuidh thus air Dia gum beannaicheadh e dhoibh do chomhairle? Criosd. Ghuidh, le mòr-thogradh; oir faodaidh tu smaoineachadh gun robh mo bhean agus mo chlann bhochd ro-ionmhuinn leam. Seirc. Ach an d’innis thu dhoibh an t’eagal a bh’ort fein gun rachadh do sgrios? oir ’s i mo bharail gan robh sin leoir-shoilleir dhuit. Criosd. Dh’innis mi, thairis, agus thairis dhoibh e. Dh’fhaodadh iad m’eagal fein fhaicinn a’ m’ ghnùis, le m’ dheoir, agus fòs le m’ bhall-chrith le eagal roi’n bhreitheanas a bha’n crochadh os ar ceann: ach cha bu leoir gach ni gun aomadh gu dol leamsa. Seirc Ach ciod a bh’aca ra ràdh air an son fein arson nach d’thainig iad leat? Criosd. Bha eagal air mo mhnaoi gun cailleadh i’n saoghal so; agus bha mo chlann air an toirt thairis do amaideachd na h-òige: ach a thaobh aon ni no ni eile leig iad leamsa falbh mar so a’m’ aonar. Seirc. Ach nach d-thug do dhroch caithe-beatha fein gun suim a bhi aca do na thuirt thu riu mu thimchioll dol leat? Criosd. Cha’n urrainn mi gun ag, mo chaithe-beatha fein a mholadh, oir tha mi fiosrach air iomad fàillne: tha fios agam cuideachd, gum faod duine la ghnàthachadh gach impidh a b’àill leis a chuir air daoinibh a dheanamh neo-tharbhach. Ach ’s urrainn mi so a ràdh, gun robh mi air m’fhaicill gun chionfath air bith a thoirt doibh, o mhi-ghnàthachadh do m’ thaobh fein, gun deanamh fuathach air teachd leam, agus ’s minig a thuirt iad rium gun robh mi tuille ’s cruaidh orm fein, air an sons’ mu nithibh, air leo, anns nach robh coire; agus faodaidh mi a ràdh, ma bhac na chunnaic iad mis’ a deanamh iad, gum b’ e m’eagal ro pheacachadh an aghaidh Dhe, no cron a dheanamh do m’ choimhearsnach, bu choireach rium. Seirc. Thug Cain fuath da bhràthair arson gun robh oibre fein olc, agus a bhràthar math; agus ma ghabh do bhean agus do chlann mìothlachd riut a thaobh so, tha iad a nochda gur fuathach leo, am math; ach tha thusa saor o’m fuil. A nis, chunnaic mi a’ m’ aisling, gun do shuidh iad [TD 42] mar so a’ còmhradh r’a chèile gus an robh ’n t’suipeir deas. ’San uair a bha i na h-uidheam shuidh iad sios da h-ionnsuidh: a nis bha ’m bòrd air a chùraineachadh le nithibh reamhar, agus le fion air a dheagh-tharruing, agus bha’n cainnt uile mu Thriath na tìre: gu h-àraidh mu na rinn e, agus mu c’arson a rinn se e; agus c’arson a thog e an tigh sin; agus leis na thuirt iad, thuig mi gun robh e na ghaisgeach treun, gun do chuir e as dhà-san aig an robh cumhachd a bhàis, ach cha b’ ann gun chunnart da fein, ni a thug orm an tuille gràidh a thoirt da, Eabh. ii l4. 15. Oir, arsa Criosduidh, mar thuirt iad, agus mar is math a chreideas mi,gur ann le moran ciorraim a rinn se e; ach gur e a chuir an t’ àgh bu mhò air na rinn e, gur ann arson gaol da thìr a rinn e’n t’ iomlan. Osbarr, thuirt cuid de mhuinntir an tighe, gum fac’ agus gun do labhair iad ris o’n a dh’eug e air a chrann: agus thuirt iad gun cual iad o bheul fein, gu bheil na h-urrad spèis aige do dh’oilthirich bhochda, ’s nach urrainnear a chuir an cèill. Thug iad a bharr air sin dearbhadh air na labhair iad, gun do leig e a ghloir mu làr, chum so a dheanamh do ’n luchd-thuruis bhochd; agus gu’n cual iad e ag ràdh, Nach gabhadh e còmhnuidh an Sion na aonar. Thuirt iad osbarr, gun robh aige iomad prionnsadh a bha nan oilthirich, ged a bha iad a thaobh nàduir nan deoraibh, a’s ged a bha ’n ceud-thùs o’n dùn-aolaich, Salm cxiii. 7. Mar so bha iad a’ co’-chainnt r’a chèile gus an robh àm luidhe ann; ’s an uair a dh’earb siad iad fein ris an Tighearna chum an dion, ghabh iad mu thàmh: chuir iad Criosduidh ann an seomar mor uachdrach, a bha uineagan a laimh ri èiridh na greine: b’e ainm an t’seomair Sìth, far an do choidil e gu brise na fàire, ’san sin mhosgail e suas. Uime sin dh’eirich iad uile suas sa mhaduinn: agus an deigh dhoibh bhi re seal a’ cainnt, thuirt iad ris nach falbhadh e gus am feuchadh iad dha nithe iongantach an àite sin. Agus air tùs, thug iad do dh’ionad gleidhidh an leabhruichean e, far an d’fheuch iad dha sgriobhanna a bha ro-shean; agus nam measgsan chunnaic e aon san robh sinnsireachd Triath na beinne air a chuir sios, gum b’e Aosda nan laithean e, tre ghinealach siorruidh; ann an so bha na gniomharran a rinn e ni bu sholleire air an cuir sios, agus [TD 43] ainmean mòr àireamh a dh’fhastaidh e na sheirbhis; agus mar a shocraich iad ann an ionadaibh còmhnuidh air nach deanadh fad aimsir mùghadh no caochladh air bith, ach a mhaireadh gu saoghal nan saoghal. An sin leugh iad dha ioma gniomh cliuiteach a rinn a luchd muinntir; mar cheannsaich iad rioghachdan, mar dh’ oibrich iad fireantachd, mar fhuair iad na geallaine, mar dhruid iad beoil leomhann, mar choisg iad neart teine, mar sheachainn iad faobhar a chloidheamh, mar o laigsinn a rinneadh neartmhor iad, mar dh’fhàs iad gaisgeil ann an cath, agus a chuir iad an ruaig air feachd nan coimheach, Eabh. xi. 33. 34. An sin leugh iad a rìs ann an earrainn de sgriobhannaibh an tighe, far an do nochdadh, cia toileach a bha’n Tighearn a ghabhail ris gach neach a thigeadh da ionnsuidh, ged a bha iad roimhe so a’ cuir na aghaidh, agus nan naimhdibh dha. Bha’n so mar an ceudna iomad eachdruidh mu ioma ni ainmeil eile, a chaidh fheuchainn do Chriosduidh; araon mu nithe sean agus ùr; maille ri fàisneachdaibh agus roi-innsibh mu nithe aig a’ bheil an crioch àraidh, chum uabhas agus geilt-chrith naimhdibh, agus mhòr-shòlas agus thoil-inntinn luchd-turuis. An t’ ath-latha thug iad e far an robh na h-airm gan coimhead, far an do nochd iad dha gach uidheam a sholair an Triath do luchd-turuis, mar tha claidheamh, sgiath, clogaid, uchd-eididh, gach ùrnuigh, agus brògan nach caitheadh am feasd. Agus bha gu leoir ann a chur nan uidheam a choilion fear chum seirbhis an Tighearna, ’s a tha reultan neamh a thaobh lionmhoireachd. Nochd iad dha, mar an ceudna, cuid de na h-inneil leis an d’rinn cuid da òglaich mòr-thèuchd. Dh’fheuch iad slat Mhaois; an t’ òrd agus an tarung leis an do chuir Iael Sisera gu bàs; na soithichean, na trompaidean, agus na lochrain leis an do chuir Gideon an ruaig air feachd Mhidian. An sin nochd iad dha bior-greasaidh nan damh leis an do mharbh Samgar sè ceud fear. Nochd iad fòs dha an cnaimh peircill leis an d’ rinn Samson na h-urrad threubhantais. Nochd iad cuideachd dha an crann-tabhuill agus a chloch, leis an do mharbh Daibhidh Goliat o Ghat: agus an cloidheamh leis an cuir an Tighearn [TD 44] as do’n pheacadh, air an là san éirich e suas a chum na creiche. Nochd iad dha osbarr iomad ni luachmhor, leis an robh Criosduidh ro-thoilichte. Le so a dheanamh chaidh iad a ghabhail tàmh a rìs. An sin chunnaic mi am aisling, Gun d’èirich e air an latha màireach chum triall air a thurus, ach dh’ earalaich iad air fuireach gus an ath-latha: ’san sin thuirt iad ris, ma bhios an latha soilleir feuchaidh sinn duit na beanntaidh thaitneach, a bheireadh fhathasd an tuille sòlais da, a chionn gun robh iad dlù do’n chaladh mhiannuichte, uime sin dh’ aontaich e fuireach. ’Nuair a thainig maduinn an ath-latha, thug iad e gu mullach an tighe, agus dh’ iarr iad air amharc ris an airde-deas, Isa. xxxiii. 16, 17. ni a rinn e; agus feuch cian fad as, chunnaic e dùthaich àrd ro-ionmhiannuichte, dreachmhor le coillidh, fion-liosan, leis gach seorsa meas, agus le tobraichibh ro-thaitneach ri amharc orra. An sin dh’ fheoraich e c’ainm a bh’air an tìr ud? Thuirt iad ris, Tha tir Emanueil; agus tha e co saor aig gach fear-turuis ris a bheinn so. ’San uair a ruigeas tu sin, chi thu ga ruig am baile neamhuidh, mar a nochdas na buachaillean a tha chomhnuidh ann duit. Smaoinich e’n sin gum falbhadh e, agus bu deoin leo e dheanamh sin. Ach air tùs, thuirt iad ris, rachamaid leat far a bheil na h-airm an tasguidh; agus dh’ armaich iad e o bhonn gu bhathais le airm dhearbhta, an t’eagal gun tugt’ ionnsuidh air air an t’slighe. Air dha bhi mar so na uidheam, chaidh a chairdean leis chum an doruis a muigh, agus dh’fheoraich e do’n dorsair, Am fac’ e fear-turuis sam bith a’ dol seachad? Thuirt an Dorsair, Gum faca. An d’ aithnich thu e, arsa Criosduidh? Dor. Dh’fheoraich mi ainm, agus thuirt e rium gum b’e Dìleas a b’ ainm dha. Criosd. O! arsa Criosduidh, ’s math is aithne dhomh e: is fear aon-bhaile rium fein e: cia fad a shaoileas tu a tha e romham? Dor. Tha e m’ an àm so aig bun a bhruthaich. Criosd. A nis, a dheagh Dhorsair, gun robh ’n Tighearna maille riut, agus gu’n deonaich e do shochairean a mheudachadh, arson do chaoimhneas dhomhsa! An sin thòisich e air imeachd air falbh, agus chaidh Suair- [TD 45] ceas, Cràbhadh, Seirc, agus Crionnachd leis gu bun na h-uchdaich, ag ath-aithris earrann de na thuirt iad roimhe ris; ach air dhoibh teachd maille ris chum a mhullaich, Thuirt Criosduidh riu, mar bha e deacair dìreadh, ’s co cunnartach an ni tearnadh. ’Seadh, a deir Crionnachd; oir tha e fior dheacair air duine dol sios do ghleann na h-Irisleachd, mar tha thus’ a nis ri dol, agus gun tuisleadh fhaotainn; uime sin, thuirt iad, tha sinne air teachd chum do chomhaideachd sios am bruthach. Mar so thòisich e ri imeachd gu faicilleach; ach gidheadh fhuair e tuisle no dha. An sin chunnaic mi am aisling, Gun d’thug na deagh bhana-chombanaich sin aig bun na beinne, dha buileann arain, searrag fhìona, agus bagaide de fhìon-dhearcaibh; agus dh’fhalbh e air a thuras. Cia sonadh tha mi ’n so, gu h-ait; Le gràdh mo Thriath do m’ thaobh; Le maitheanas am pheacannaibh, ’S mi dlù air neamh san t-saogh’l! Ach chaidh Criosduidh a chuir thuige gu goirt ann an gleann so na h-Irisleachd: oir cha deachaidh e ach goirid air aghaidh m’ am fac e droch-spiorad a’ teachd na chò’dhail. B’e ainm Apoluon. An sin ghlac maoim Criosduidh, agus cha robh fios aige co ac’ a b’fhearr dha dol air ais no aghaidh a thoirt air; ach smaoinich e a rithist nach robh a thaobh cùil armaichte; agus nan tionndadh e a chùl ris, gun tugadh e sàr-chothrom dhà air a lot le shaighdibh; air an aobhar sin, chuir e roimhe gum feuchadh e ris. Oir thuirt e ris fein gar am biodh agam san amharc ach mo bheatha a chaomhnadh, ’se b’ fhearr dhomh seasamh. Mar so chaidh e air aghaidh, agus thachair Apoluon air. Bha ’n uilbheist anabarrach eagallach ri fhaicinn. Bha e còmhdaichte le lannaibh mar iasg, bha sgiathan aige mar dhràgon, cosan mar mhangan, thainig as a bhroinn teine agus deatach, agus bha bheul cosmhuil ri beul leomhainn. ’Nuair a thainig e far an robh Criosduidh, sheall e gu tàireil air, agus thuirt e ris. Apol. Cia as a thainig thu, agus c’àit’ a tha thu dol? Criosd. Thainig mo o bhaile Leir-sgrios, ni is e ionad an uilc, agus tha mi dol do bhaile Shioin. [TD 46] Apol. Leis a seo tha mi tuigsinn gur h-ann de m’ iochdrains’ thu; oir ’s leams’ an tìr sin uile, is mise a Triath agus a dia. Cionnas ma ta a theich thu o d’ righ? Mar biodh fiuthair agam gun deanadh tu ’m barrachd feuma dhomh, ghearrainn as thu le aon bhuille. Criosd. Rugadh mi gun amharus a’ d’ fhearannsa: ach bha do sheirbhis cruaidh, bha do dhuais co beag ’s nach b’ urrainn duine bhi beo leis; oir ’se duais a pheacaidh am bàs, Rom. vi. 23. uime sin ’n uair thainig mi gu tùr, rinn mi mar mi daoine tuigseach eile, sheall mi mach c’àit am faoduinn a bhi ni b’fhearr. Apol. Cha dealaich uachdran sam bith mar so r’a chuid sluaigh, cha mhò a chailleas mis thusa; ach o’n a tha thu gearan air cruas m’ oibre agus lughad mo dhuais, ma bhios tu deonach dol air t’ ais, bheir mi dhuit gach ni is fearr san dùthaich? Criosd. Ach dh’ fhastaidh mise mi fein aig Righ nan righ, agus cionnas a dh’fhaodas mi le ceartas dol air m’ ais? Apol. Rinn thu mu so a réir a ghnàth-fhocail, “O olc gu ni ’s measa.” Ach ’s tric leosan a dh’ aidich a bhi nan seirbhisich dhà-san, an diaigh dhoibh bhi aige ré tamuill, cùl a chur ris, agus pilleadh riums’ a rithist. Dean thusa sin cuideachd, agus bithidh gach cùis gu math. Criosd. Mhionnaich mi gum bithinn dìleas da: cionnas mata a chuireas mi cùl ris; an e nach croch iad mi mar chealgoir. Apol. Rinn thu an ni ceudna ormsa; agus gidheadh tha mi toileach an t’ iomlan a lughadh, ma philleas tu a rìs agus dol air t’ais. Criosd. ’Sann an aois mo leanabuidheachd a thug mi ’n gealladh dhuitse; agus tha dòchas agam gu bheil an Ceann-feadhna a tha mi ’n dràsta fo bhrataich, murrach air mathanas a thoirt domh a chionn gun d’ aom mi leat. Osbarr, O Apoluoin mhìlltich! ma ni mi an fhirinn, ’s toigh leam a sheirbhis, a dhuais, a luchd-muinntir, a riaghladh, a chuideachd, agus a dhùthaich, ni ’s fearr no aon ni a th’ agadsa; uime sin thoir thairis a dh’ iarruidh orm fhàgail; oir ’s mi òglach, agus dlù-leanaidh mi e, Apol. Smaoinich a rithist air a chùis, ciod a tha ’n cunnart éiridh dhuit an taobh a tha thu dol. ’S aithne [TD 47] dhuit gu bheil mar is trice a luchd-muinntir-san, a’ teachd gu droch dheire, a chionn gur ceannaircich am aghaidhs’ iad. Nach iomad aon diubh chaidh chuir gu bàs maslach ’s gidheadh tha thus a meas a sheirbhis ni ’s fearr no bhi agamsa; ge nach d’thainig e riamh o ionad còmhnuidh, a shaoradh a luchd muinntir a laimh an naimhdibh; ach air mo shonsa, nach lionmhor uair a shaor mi iad san a thug seirbhis dhìleas domh, le neart no le ceilg, uaith-san mar is math is aithne do mhuinntir na dúchadh, a’s saoruidh mi thusa uaithe cuideachd. Criosd. ’S ann a mhàin a dhearbhadh an gràidh dha nach ’eil e gan saoradh san àm, a dh’fhaicinn an dlù-lean iad ris gus a chrioch; ’s a tha an droch dheire tha thus’ ag ràdh a tha teachd orra, dhoibh-san ro-àghmhor: ach cha ’n ion doibh mòr fhiuthair a bhi aca ri saoradh san àm; oir tha iad a’ feitheamh r’an gloir, agus gheibh iad sin ’n uair a thig an Ceann-feadhna na ghlòir fein le chuid ainglibh. Apol. Bha thu cheana mi-dhìleas da a’d’ sheirbhis, agus cionnas a tha dùil agad ri duais uaithe? Criosd. Cia ann, O Apoluoin! san robh mi neo-dhìleas da? Apol. Dh’fhas thu lag ad cheud dol amach, ’nuair nach mòr nach robh thu tachdta ann an slochd na Mi-mhisnich: thug thu oirpean mi-laghail air bhi cuibhte de d’ eallaich, am feadh bu chòir dhuit fuireach gus an d’thuga do Cheann-feadhna dhiot i. Chiontaich thu le codal, agus do nithibh rìomhach a chall. Cha mhòr cuideachd nach d’ aomadh thu gu pille ’n uair a chunnaic thu na leomhainn; ’san uair a labhras tu mu d’thuras, mu na chunnaic agus a chual thu, tha thu toigheach mu ghloir-dhiomhain, anns gach ni a their no ni thu. Criosd. Tha sin uile fior, agus tuille ’se a dhearmaid thu a radh; ach tha ’n Triath ga bheil mise toirt seirbhis agus urram, tròcaireach agus ullamh a mhathadh. Ach ghabh an anmhuinneachd greim orm nan tìr fein; bha mi ’n tòir orra, rinn mi gearan fodhpa, bha mi dubhach air an son, agus dheonaich mo righ maitheanas domh air an son. Apol. An sin bhrùchd Apoluon amach ann an dian chorruich, ag ràdh, Tha mis am nàmhuid do’n righ so: ’S beag orm a phearsa, a reachdan agus a shluagh: Thainig mi dh’ aon obair gu d’ bhacadh. [TD 48] Criosd. Thoir an aire ciod a ni thu, arsa Criosduidh; oir tha mis air rathad-mor an righ, an t’slighe chum naomhachd; uime sin thoir an aire dhuit fein. Apol. An sin sgaoil Apoluon e fein air an t’slighe, agus thuirt e, cha’n ’eil eagal orm sa chùis so; dean thu fein deas fa chomhair a bhàis; oir tha mi mionnachadh air mo gharaidh ifrinnich, nach d’theid thu ceum ni’s faide: An so cuiridh mi as duit. Agus leis a sin a ràdh thilg e gath teinnteach r’a bhrollach; ach bha sgiath aig Criosduidh na laimh leis an do ghabh e roimhe, agus dhion se e fein o’n chunnart san àm sin. Cath is neo-chothromaich cha’n fhac ri m’ ré, Na bh’ eadar Criosduidh, a’s a bhéisd; Ach o’n a laimhsich e na h-airm gu seòlt, Thug buaidh le sgairt, a’s theich an curaidh mòr. An sin chuir Criosduidh e fein na uidheam, oir chunnaic e gum b’ àm dha dol ann; oir bha Apoluon a’ sior thilge ghathan teinnteach air co dlù ri cloich-mheallain; agus a dh’ aindeoin na dh’fhaod Criosduidh a dheanamh, lot Apoluon e na cheann, na laimh, agus na chois. Le so thug Criosduidh troigh air ais: thug Apoluon an ath-ionnsuidh gharbh air; agus ghlac Criosduidh misneach, agus chuir e na aghaidh co duineil ’sa dh’fhaod e. Bhuanaich an cruaidh chòmhrag so fad leth latha, gus nach mòr nach d’fhàillnich Criosduidh. Oir ’s fheudar dhuibh a smaoineacha gun robh Criosduidh le call fhola a’ fas ro lag. An sin air faicinn do Apoluon gun robh ’n cothrom aige, thainig e dlù air Criosduidh, agus chaidh iad ann an spàirn a’ cruaidh-ghleachd, agus thuit Criosduidh; agus leum a chlaidheamh a laimh, An sin dh’éigh Apoluon, tha thu ’n sàs a nis, agus cha mhor nach do bhrùth e gu bàs e; ionnas gun do shaoil Criosduidh gun robh crioch a a chuairt ann. Ach mar dh’òrduich Dia dha ’n uair a bha Apoluon a’tarruing na laimhe gus am buille ma dheireadh a bhualadh, chum crioch a chur air an duine mhath sin, thug Criosduidh grad lamh air a chlaidheamh, ag ràdh, Na dean gairdeachas am aghaidh, O mo nàmhuid! ged a thuit mi èiridh mi a rìs; agus le sin a ràdh, thug e sàthadh [TD 49] bàsmhor dha, a thug air dol air ais mar ni aon a gheibh buille bàis. Air mothachadh so do Chriosduidh, thug e’n t’ath-bhuille dha, ag ràdh, Ni h-e amhain sin, ach anns gach ni dhiubh sin tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh trid-san a ghràdhaich sinn. Agus leis a sin sgaoil Apoluon a sgiathan, agus dh’fhalbh e, air chor ’s nach faca Criosduidh tuille ni ’s mò e. Mic. vii. 8. Rom. viii. 37. Seum. iv. 6. Cha’n urrainn aon neach a smaoineacha na bha de dh’ ulartaich, agus de raoicil air Apoluon sa chòmhrag so, mar biodh e ga fhaicinn mar bha mise: Labhair e mar dhràgon; agus air an laimh eile, na bha dh’osnaich agus a phlosgail air Criosduidh. Cha d’amhairc e le taitneachd fad na h-ùine, gus ’n do thuig e gun do reub e Apoluon le chlaidheamh da-fhaobhair; an sin bha fèith-ghàir air, agus sheall e suas. Ach ’se sealladh a b’uabhasaich a chunnaic mi riamh. An sin ’n uair a chriochnaich an còmhrag, thuirt Criosduidh, bheir mi an so buidheachas dha-san a shaor mi o bheul an leomhainn, agus dhasan a rinn mo chòmhnadh an aghaidh Apoluoin, Ag ràdh, Chuir Beelsebub, Ceann-feadhn’ an Uilc, Am ionnsuidh fear gun bhuaidh, Gum leadairt, a’s gum shàruchadh, Làn armaichte gum thruaigh: Ach rinn Michael còmhnadh leam, A’s chuir mi’n ruaig gun sgàth, Air Apoluon mòr an curaidh ud; ’S do Dhia bheir glòir gu bràth. An sin thainig da ionnsuidh lamh le cuid de dhuilleach craoibh na beatha, agus chuir Criosduidh iad ris na creuchdan a fhuair e sa chath, agus leighiseadh air ball iad. Shuidh e mar an ceudna sìos san àite sin a dh’ itheadh arain, agus a dh’òl as an t’ searraig a thugadh dha roimhe sin; agus air dha a sgìos a chur, agus a bhi air a bheothachadh, dh imich e air a thurus, le chloidheamh tairngte na laimh; oir thuirt e, Cha’n fhios domh nach ’eil nàmhuid eile dlù dhomh. Ach cha d’thug Apoluon aon ionnsuidh tuilleadh air fad a ghlinne. Bha aig ceann a ghlinne so, gleann eile, ris an abrar, gleann sgàil a bhàis: agus b’ eigin do Chriosduidh dol [TD 50] troimhe, a chionn gur h-ann tre mheadhon a bha’nt-slighe chum a bhaile nèamhuidh. A nis bha ’n gleann so ro-uaigneach. Tha’m fàidh Ieremiah ag ràdh uime, Gu bheil e na fhàsach, na fhearann fàsail, lan shlochd, fearann tairt agus sgàile bàis, fearann nach d’imich aon duine ach Criosduidh troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnuidh. Ier. ii. 6. An so bha Criosduidh air a chuir thuige ni bu ghoirte na bha e sa chath le Apoluon: mar chluinneas sibh an ùine ghearr. Chunnaic mi am aisling, ’n uair a thainig e an co’-chrìch ri Sgàil a Bhàis, gun do thachair air dithis dhaoine, de chloinn na h-aitim a thug droch alladh air an deagh fhearann, a’deanamh cabhag gu dol air an ais; agus labhair Criosduidh air a mhodh so riu. Criosd. C’àit a tha sibh a’ dol? Daoine. Tha sinn a grad dhol air ar n’ais; agus b’àill leinn thus a dhol ann cuideachd, ma tha spéis agad do d’bheatha no do d’ shìth. Criosd. C’arson, Ciod is coireach? thuirt Criosduidh. Daoine. Ciod is coireach! thuirt iad; bha sinne ’g imeachd air a cheart slighe air a bheil thusa, agus chaidh sinn co fad ’sa bha chridhe againn dol; chaidh sinn co fada ’s gur gann a fhuair sinn pilleadh; oir nan rachamaid beagan ni b’fhaide air ar n-aghaidh cha bhitheamaid an so a dh’innse sgeoil duitse. Criosd. Ach ciod a thachair oirbh? arsa Criosduidh. Daoine. Cha mhòr nach deachaidh sinn a steach do Ghleann sgàile a bhàis, ach bha sinn co fortanach ’s gum faca sinn ar cunnart m’an d’ràinig sinn e. Salm xliv. 19. cvii. 19. Criosd. Ach ciod a chunnaic sibh? arsa Criosduidh: Daoine. Chunnaic sinn dìreach an Gleann fein, a tha gu dorcha dubh. Chunnaic sinn mar an ceudna taibhsean, fiadh-dhaoine, agus dràgoin an t’ sluichd. Chuala sinn cuideachd ulfhartaich oillteil sa ghleann, mar gam b’ann a’ teachd o dhaoinibh ann an truaighe chràitich, a bha air an sàruchadh an gèilibh agus an triobluid; agus bha’n crochadh os cionn a ghlinne sin neoil na h-aimhréite. Tha’m bàs mar an ceudna a sior-sgaoile a [TD 51] sgiathan thairis air. An aon fhocal, tha e anabharra duaichnidh agus eagallach, gu tur mi riaghailteach. Iob. iii. 5. x. 22. Criosd. An sin thuirt Criosduidh, Cha d’thug na thuirt sibh orm a shaoilsinn, nach e so an rathad réidh chum a chalaidh chum am miannach leam dol. Ier. ii. 6. Daoine. Biodh e na rathad dhuitse, ach cha roighnich sinne dhuinn fein e. Mar so dhealaich iad, agus dh’imich Criosduidh air a thurus, a’ cumail a chlaidheamh ruisgte na laimh, air eagal gun d’thugta ionnsuidh air. Chunnaic mi ’n sin am aisling, gun robh slochd domhain air taobh deas na slighe, gu ceann eile a ghlinne: ’S e ’n slochd so anns an do threoraich na doill iadsan a bha dall anns gach linn, agus far an do chailleadh araon iad. Agus air an laimh chli, bha boglach cunnartach, agus nan tuiteadh eadhon duine math fein ann, cha’n fhaigheadh e ann ionad air an seasadh e. ’Sa bhoglach so, thuit righ Daibhidh aon uair, agus bhiodh e air a chall ann, mur spionadh easan a tha comasach a mach e. Bha’n cois-cheum an so anabharra chumhang, uime sin bha deagh Chriosduidh na eigin: oir anns an dorcha ’n uair bha e ’g oirpeachadh an slochd a sheachnadh air an darna laimh, bha e’n cunnart tuiteam san làthaich air an laimh eile: ’s am feadh a bha e seachnadh na làthaich, bha e ’n cunnart tuiteam san t’ slochd air an taobh eile. Mar so chaidh e air aghaidh, agus chuala mi e ’g osnaich gu goirt: oir a bharr air a chunnart a dh’ainmich mi, bha ’m frith-rathad co dorcha ’s nach bu leur dha c’ait an cuireadh e chos. Mu thimchioll leth a ghlinne, mhothaich mi gur ann a bha ifrinn, agus bha i fagus do’n t’slighe. A nis, arsa Criosduidh, ciod a ni mi? agus bha’n lasair agus an toit a’ sior-bhrùchdadh amach gu pailt, le drileannaibh agus le fuaim uabhasaich, (nithe air nach drùigheadh Claidheamh Chriosduidh, mar rinn e air Apoluon) s’ gum b’eigin da a chlaidheamh a chur san truaill; agus oirp a thoirt air e fein a dhion le h-Urnuigh: Mar so ghlaodh e ann am èisdeachd, O Thighearna, guidheam ort saor m’ anam, Salm cxvi. 3. Air an doigh so dh’imich e uidhe mhòr, ach [TD 52] bha’n lasair dlù air bhi ruigheachd air: chual e fòs glaodhaich chràiteach, agus sgreadail oillteil, ionnas gun robh eagal air gun reubt’ as a chèile, no gun saltairte fo na cosaibh e mar aolach na sràide. Bha ’n sealladh eagallach, agus an fhuaim uabhasach ud na fhradharc agus na éisdeachd c’ar ioma mìle; agus air leis gu’n cual e cuideachd de dhroch-spioradaibh a’ teachd na chò’-dhail, sheas e, agus smaoinich e ciod a b’fhearr dha a dheanamh: air uairibh, cha mhòr nach robh na rùn pilleadh; air uairibh eile smaoinich e gun teagamh gun robh e nis leth na slighe: Chuimhnich e fòs, mar chaidh e cheana roi ioma cunnart; agus gum faodadh e am barrachd cunnairt a ruidh le dol air ais na le e dhol air aghaidh; agus chuir e roimhe dol air adhart: gidheadh bha na droch-spioraid an càil choslais a’teachd ni bu dlùithe dha, ach ’n uair bha iad direach gu bhi aige, ghlaodh e le guth àrd, Gluaisidh mi ann an neart an Tighearna Dia. Air dha so a ràdh le lan-mhuinghinn, cha d’ thainig iad ni b’fhaide. Tha aon ni a b’àill leam a thoirt fainear, eadhon gun do thuig mi gun robh Criosdaidh truagh co mòr na bhreislich, ’s nach robh aithne aig air a chainnt fein: Oir an uair a bha e direach fa chomhair an t’ sluichd loisgich, thainig aon de na droch dhaoin’ air a chùl, thainig e gu farusta dlù dha, agus chuir e cogar na chluais an cainnt bheumnaich thoibheumaich, agus shaoil e gur ann uaithe fein a thainig e. Chuir so tuille duilichinn air Criosduidh na aon ni eile a thainig air, eadhon gun d’thugadh e nis toibheam dha san air an robh roimhe so na h-urrad ghaoil aige; gidheadh, nam b’urrainn da a leasuchadh cha deanadh se e: ach cha robh do sheoltachd aige na dhruid a chluasan, no idir na thug fainear co uaith thainig an droch cainnt sin. An diaigh do Chriosduidh coiseachd mar so gu dubhach tùrsach, air leis gun cual e guth air thoiseach air, ag ràdh, Ged a shiubhail mi trid ghlinn sgàil a bhàis cha bhi eagal uilc orm; oir tha thusa maille rium, Salm xxiii. 4. An sin bha aiteas air, arson nan aobhar so a leanas. Air tùs, A chionn le sin a chluinntinn, gun do thuig e gun robh cuid-eigin air an robh eagal De a’siubhal a ghlinne co math ’s a bha e fein. [TD 53] San dara h-àite, Arson gun do mhothaich e gun robh Dia leo, ged a bha iad ann an dorchadas co mòr: agus c’arson nach biodh e leamsa cuideachd? ge nach urrainn mi a thoirt fainear, a thaobh an àite sa bheil mi, Iob. xi. 10. San treas àite. Do bhrì, nam b’urrainn e teachd suas riu, gum biodh an ùine ghearr cuideachd aige. Anns a bheachd so shiubhail e air aghaidh, agus ghlaodh e ris an fhear a bh’air thoiseach air: ach cha robh fios aige-san ciod a fhreagradh e; oir bha e’m barail gun robh e leis fein mar an ceudna. Ach tamull na dhiaigh sin shoilleirich an latha: An sin thuirt Criosduidh, Thionndaidh e sgàil a bhàis gu maduinn, Amos v. 8. Air do’n latha bhi nis air teachd, dh’amhairc e na dhéigh, cha’n ann le rùn pilleadh, ach a dh’fhaicinn nan cunnart as an d’thainig e am feadh a dh’imich e san dorchadas; mar so chunnaic e ni bu shoilleire an slochd a bh’air an darna laimh, agus am boglach a bh’air an laimh eile; agus co cumhang sa bha ’n t-slighe eatorra; chunnaic e fòs na taibhsean, na fiadh-dhaoine, agus uilbheistean an t’sluichd ach bha iad uile fada uaithe: oir cha do chuir iad dragh air an diaigh do’n latha teachd; ach chunnaic se iad a reir mar tha e sgriobhta, Taisbeanaidh e nithe doimhne a dorchadas, agus bheir e sgàil a bhàis gu solus, Iob. xii. 22. A nis bha aiteas air Criosduidh a chionn gun do shaoradh e o gach cunnart san t slighe ùdlaidh dhorcha sin; oir ged a bha eagal air roi na cunnairt roimhe, cha robh trian air de na bhitheadh air nam faiceadh e gu soilleir iad: dh’èirich a nis a ghrian air, agus bha e na thoileacha mòr leis. Thoir fainear ged a bha cheud chuid de ghleann sgàil a bhàis cunnartach, gun robh na bha aige ri dol troimhe fhathast, nam bu chomasach e, ni bu ro-chunnartaiche. Oir o’n àite san robh e nis na sheasamh gu ceann eile a ghlinne, bha’n t’ slighe air a h-iom-dhruideadh le ribibh, le ceapaibh-tuislidh agus le lionaibh, lan de shlochdaibh, de bheoil-fo-fhraoch, de thuill-dhomhain, agus de sgrìodain, air chor ’s nam b’e’n dorch a bhiodh ann, mar bha e aige an toiseach a ghlinne, ’s gann a dh’fhaodadh e gun bhi air a chall annta: ach mar thuirt mi, bha ghrian air éiridh. An sin thuirt e, Thug e air a choinneil deal- [TD 54] rachadh air mo cheann, agus le a sholus tha mi ’siubhal san dorchadas, Iob xxix. 3. Leis an t-solus so thainig e gu ceann thall a ghlinne. Agus chunnaic mi am aisling, gun robh aig ceann a ghlinne so, mòran fola, chnàmh, luaithre, agus cuirp bheubainichte dhaoine, eadhon de na h-oilthirichibh a thainig roimhe an rathad so: ’s am feadh a bha mi cnuasachd ciod a b’ aobhar dha sud, chunnaic mi beagan romham uamha, far an robh o shean da fhamhair, Pàpa agus Ana-creidimh, a’ gabhail còmhnuidh, agus gun do chuir an cumhachd agus an an-tighearnas na daoine sin gu bàs, a bha’n cnaimhean, am fuil, an luaithre, &c. nan luidhe feadh an àite. Ach chaidh Criosduidh seachad air gun mhòr-chunnart, ris an do ghabh mi ìoghnadh; ach thuig mi o sin, gun robh Ana-creideach marbh o chionn ioma bliadhna, agus ged a bha’m fear eile beo, gun robh e co lag leis an aois, agus leis a choilion tuasaid san robh e ’snach b’urrainn da a nis ach suidh am beul na h-uamhadh, a’ casadh fhiacall ri luchd-turuis san dol seachad, làn farrain a chionn nach b’ urrainn e dochair a dheanamh dhoibh. Mar so chunnaic mi gun deachaidh Criosduidh air aghaidh air a thurus; ach cha robh fios aige ciod a theireadh e ris an t’ seann-duine a bha na shuidh aig beul na h-uamhadh, gu h-àraidh o’n a labhair e ris, ge nach b’ urrainn da dol air a dhiaigh; ag ràdh ris nach stadadh iad gus an reachadh tuille dhiubh a losgadh. Ach dh’fhan e-san na thosd, gun umhail a ghabhail deth, agus chaidh e seachad, gun chiorram a dh’éiridh dha. An sin sheinn Criosduidh am fonn so, Gu bheil mi fhathast sàbhailte An deigh gach cunnart, ’s baogh’l, A thachair orm an gleann a bhàis, ’S aobh’r ioghnuidh leam san t’saogh l: Ach cliu, a’s moladh do’n laimh fhial, A chum mi suas, am measg Gach duibhre, deamhain, cràdh, a’s leon, A chuairtich mi gu tric. A nis air do Chriosduidh bhi dol air aghaidh, thainig e gu uchdan beag a chaidh a thogail chum gum faiceadh an luchd-turuis sealladh rompa: Chaidh Criosduidh suas [TD 55] air, agus sùil gan d’thug e, chunnaic e Dìleas roimhe. An sin ghlaodh Criosdaidh gu h-àrd, O! co so tha romham, stad, agus bithidh mis am chombanach agad. Sheall Dìleas air ais, agus thuirt Criosduidh ris a rithist, Fuirich, fuirich, gus am bi mi agad: ach fhreagair Dìleas, cha’n fhuirich: tha mi teiche le m’ anam, agus tha dioghaltair na fola an tòir orm. Leis a so, bha mi-ghean air Criosduidh, agus dh’ fhalbh e le uile neart, gus an deachaidh e seachad air Dìleas; mar so bha toiseach aig an fhear a bh’ air dheire. An sin rinn Criosduidh gàire fanoid, a choinn gun robh e nis air thoiseach; ach le cion-faicill fhuair e tuisle leis ’n do thuit e, agus cha b’urrainn da èiridh gus an d’rinn Dileas còmhnadh ris. An sin chunnaic mi a’m’ gaislin gun d’imich iad gu caidreach air an aghaidh, a’ labhairt mu gach ni a thachair dhoibh air an turus; agus mar so thòisich Criosduidh, Criosd. A bhràthair ionmhuinn agus urramaich, a Dhìleis, ’S math leam gun d’rug mi ort, gaus gun d’thug Dia dhuinn a bhi dh’ aon rùn, gum faod sinn siubhal maille r’a cheile air an t-slighe thaitnich so. Dìl. A charaid ghràdhaich, bha fiuthair agam gum bitheadh tu leam an àm dhomh dhi triall o’n bhaile, ach bha thu air thoiseach orm: Uime sin b’eigin domh teachd an fheadh so a’m’ aonar. Criosd. Cia fhad sa dh’fhuirich thu am dhéighs’ ann am baile Leir-sgrios m’ an d’ fhalbh thu air do thurus? Dìl. Gus nach b’ urrainn domh fuireach ni b’ fhaide; oir bha e na làn-naigheachd an diaigh dhuitse falbh, gum biodh am bail’ againn an ùine ghearr, air a losgadh le teine o neamh. Criosd. An e! gun do labhair do choimhearsnaich mar sin? Dìl. Labhair iad; oir bha e ré seal ’am beul gach duine. Criosd. Ach an do theich aon duine ach thusa o’n chunnart? Dìl. Ged a bha, mar a thuirt mi, mòran bruidhne mu thimchioll, ’s i mo bharail nach do làn-chreid iad e. Oir ann an teas an cainnte, chuala mi cuid diubh a’ labhairt [TD 56] gu fanoideach umadsa, agus mud’ thuras ea-céillidh, oir ’se so a thuirt iad ri d’ thurus: Ach b’ i mo bharail san àm sin, agus ’s i fhathast, gur e is crioch do’n bhail’ aguinn bhi air a losgadh le teine agus le pronnusg, uime sin dh’fhàg mi e. Croisd. An cuala tu guth air mo choimhearsnach Socharach? Dìl. Chual, a Chriosduidh, chuala mi gun do lean e thu ga ruig slochd na Mi-mhisnich; anns an do thuit e, mar thuirt cuid; ach cha bu mhath leis fios a bhi gun do thachair sin, ach ’s cinnteach mise gun robh gu leoir de shalchar an t-sluichd air. Criosd. Agus ciod a thuirt na coimhearsnaich ris? Dìl. Thug iad uile tàmailte mhòr dha; rinn na h-urrad diubh sgeig agus fanaid air, ionnas gur gann a gheibh e obair sam bith ra dheanamh. Tha e nis ni’s mìle mheasa no bha e roimhe. Criosd. Ach c’arson a tha iad co cruaidh na aghaidh, do bhri gur coma leo fein an t-slighe ris ’n do chuir e cùl? Dìl. Thuirt iad nach b’fhiu e, nach robh e firinneach na aidmheil; Air leam gu bheil Dia air brosnuchadh suas a naimhdean a thoirt tàir dha, gu dheanamh na ghnà-fhocal, a chionn gun do thrèig e an t-slighe. Ier. xxix. 18, 19. Criosd. An robh thu cainnt ris m’an d’fhalbh thu? Dìl. Choinnich mi aon uair air an t’ sràid e, ach shiap e gu taobh eile na sràide, mar neach air am biodh nàire as na rinn e; air chor ’s nach d’fhaod mi labhairt ris. Criosd. Bha dòchas math agam as, ’n uair a dh’fhalbh mis a mach; ach ’s eagal leam gun caillear e nis ann an leir-sgrios a bhaile. Oir thachair dha a reir an t’sean-fhocail, Phill am madadh ra sgeth, agus a mhuc a chaidh nigheadh, chum a h-eabradh san làthaich, 2 Pead. ii. 22. Dìl. Tha eagal sin ormsa cuideachd; ach cò ’s urrainn a leasuchadh? Criosd. A nis a choimhearsnaich Dhìleis, arsa Criosduidh leigeamaid dhinn a bhi labhairt uime-san, agus labhramaid mu na nithibh a bhuineas duinn fein. Innis a nis domh ciod a thachair dhuit sa ghabhail rathaid; oir tha fios agam gur ioma ni a dh’èirich dhuit, no ’s iongantach [TD 57] Dìl. Sheachainn mi ’n slochd ’san do thuit thusa, agus rainig mi ’m bealach gun a bheag a dh’ éiridh dhomh; ach a mhain gun do thachair tè orm gam b’ainm Togarrach, a mhithir coir’ a dheanamh orm. Criosd. Bu mhath gun do sheachain thu a lion: Bha Ioseph an droch staid leatha, agus thàr e uaipe mar rinn thusa: ach ’s beag a bha eadar e ’s a bheatha a chall. Ach ciod a rinn i riutsa? Gein. xxxix. 11, 12, 13. Dìl. Cha’n urrain duit a smaoineachadh na thug i de chuireadh dhomh; bha i gealltuin gach sòlas domh nan aontaichinn leatha. Criosd. Cha do gheall i dhuit sòlas deagh-choguis. Dìl. Tha fios agad gur e bha mi ciallachadh, gach sòlas feolmhor agus saoghalta. Croisd. Buidheachas do Dhia gun do sheachain thu i: An ti is fuathach leis an Tighearna gèillidh e dhi, Gnàth xxii. 14. Dìl. Cha’n aithne dhomh an do sheachain mi cuibhte i, no nach do sheachain. Criosd. Tha dòchas agam nach d’aontaich thu le miann? Dìl. Cha d’ aontaich, chum mi fein a thruailleadh, oir chuimhnich mi air sean-fhocal a chuala mi, a thuirt, gun robh a ceumanna a’ gabhail greim air ifrinn. Mar sin dhruid mi mo shùilean, m’am bithinn air mo mhealladh leatha: an sin throd i gu sgaiteach rium, ach dh’fhalbh mise romham, Gnàth. v. 5. Iob xxxi. 1. Criosd. An deach ionnsuidh sam bith eile a thoirt ort air an t’ slighe? Dìl. ’Nuair a thainig mi gu bun bruthach-na-h-eigin, thachair fior-sheann-duine orm a dh’fhiosraich dhiom cò mi? agus c’àit’ a bha mi dol? Dh’innis mi dha gum b’ fhear-turuis mi, a’ dol chum a bhaile nèamhuidh. An sin thuirt an seann duine, tha coslas duine chòir ort, am bi thu deonach fuireach agams’ arson na duais a bheir mi dhuit? An sin dh’fheoraich mi dheth, c’ainm a bh’air, agus c’àit’ an robh e chòmhnuidh? Thuirt e gum b’e ainm an ceud Adhamh, agus gun robh e thàmh ann am baile na Ceilg. Dh’fheoraich mi dheth an sin, ciod a b’ obair dhomh? agus ciod an tuarasdal a bheireadh e seachad? Thuirt e rium gum b’e obair iomadai taitneachd, agus a thuarasdal, gum [TD 58] bu mhi a’ b’ oighre air fa dheireadh. A thuill’ air sin dh’fheoraich mi dheth, ciod an tigh a bha e’ gleidheadh, agus ciod na seirbhisich eile a bh’aige? Dh’innis e dhomh, gun robh gach ni blasda, sòghail san t’saoghal, r’am faotainn na thigh, agus gum b’iad a ghineil fein a sheirbhisich. An sin dh’fheoraich mi, ciod a bh’aige de chloinn? Thuirt e, nach robh aige ach triuir nighean, Ana-miann na feola, miann-na-sùl, agus Uabhar na beatha; agus gum faigheansa te dhiubh r’a phòsadh nam toil leam e. An sin dh’fheoraich mi dheth, cia fhad a b’àill leis mi bhi aige? agus thuirt e rium, co fad a’s bu bheo e, 1 Eoin. ii. 16. Criosd. Seadh, agus ciod an co’-dhunadh gus an d’thainig an seann duine agus tu fein mu dheire? Dìl. Air leam gun robh mi an tùs deonach air dol leis; oir air leam gun robh a thairgse math; ach sùil gan d’thug mi’n clàr aodainn, chunnaic mi sgriobht’ ann, Cuir dhiot an seann duine le ghniomharraibh. Criosd. Agus ciod an sin? Dìl. An sin thainig e am aire ciod air bith a theireadh e, nach éisdinn ris, oir an uair a gheibheadh e dhachaidh mi, gun reiceadh e mi mar thràill. Mar sin dh’iarr mi air fuireach na thosd, agus nach rachainn am fagus do dhorus a thighe. An sin chàin e mi agus thuirt e rium, Gun cuireadh e fear air mo thòir, a chràidheadh am chridhe mi. ’Nuair a chuala mi sin, thionnda mi uaithe; ach san àm sin mhothaich mi e a’ deanamh greim air m’fheoil co mòr ’s gun do shaoil mi gun d’thug e leis mi! Thug sin orm a ghlaodhaich, Och! ’s duine truagh mi! ’San inntinn so thòisich mi ri dìreadh a bhruthaich, Rom. vii. 24. ’San uair a dhìrich mi mu leth rathaid, chunnaic mi fear luath siubhlach a’ teachd as mo dhiaigh: agus thainig e suas rium mun cheart àit’ a’ bheil an suidheagan. Criosd. ’Sann dìreach an sin, arsa Criosduidh, a shuidh mise sios a ghabhail fois; ach thug an codal thairis mi, agus chaill mi’n sgriobhadh a bh’ann am bhrollach Dìl. Na cuir cosg air mo sheanchas, a dheagh Chriosduidh, oir co luath sa rug an duine orm, cha’ d’èisd e’n t’ath-fhocal, ach bhuail e mi, agus thuit mi sios an riochd mairbh. Ach ’n uair a thainig mi am ionnsuidh fein, thuirt [TD 59] mi ris, C’arson a bhuin e mar sin rium? A deir e, A chionn gun robh mi gu diomhair ag aomadh leis a cheud Adhamh: agus leis sin a ràdh, thug e buille marbhtach eile dhomh air an uchd, agus thuit mi’n comhair mo chùil; agus bha mi ’m shìneadh aig a chosaibh mar bha mi roimhe. ’Nuair thainig mi rìs am ionnsuidh fein, ghuidh mi air tròcair a dheonachadh dhomh. Ach thuirt e rium, cha’n aithne dhomh c’arson a dheonaichin tròcair dhuit; agus bhuail e rìs mi. Chuireadh e gun ag crioch orm, mar d-thigeadh fear seachad a thuirt ris sgur. Criosd. Co thuirt ris sgur? Dìl. Cha d’aithnich mi’n toiseach e; ach air dha bhi dol seachad, thug mi fainear na tuill a bha na lamhaibh agus na thaobh: An sin thuig mi gum b’e ar Tighearn a bh’ann. Agus dhìrich mi suas am bruthach. Criosd. B’e Maois am fear a rug ort. Cha chaomhain e aon neach, cha mhò a nochdas e tròcair dhoibhsan a bhriseas a lagh. Dìl. Is math a ta fhios agam; cha b’e cheud uair a thachair e orm. Is e a thàinig a’ m’ ionnsuidh ’nuair a bha mi thàmh gu’n chùram orm aig an tigh, ’s a dh’innis domh gun cuireadh e’n tigh r’a theine os mo cheann nan fuirghinn ni b’fhaide ann. Criosd. Ach am faca tu ’n tigh ud a bh’air mullach an t-slèibhe, air an taobh air ’n do thachair Maois ort? Dìl. Chunnaic, agus na leomhainn cuideachd m’an d’ thainig mi d’a ionnsuidh; ach air leam gun robh iad nan codal: oir b’ann mu mheadhon là a bha e; agus a chionn gu ’n robh na h-urrad de ’n latha romham, chaidh mi seach an dorsair, agus dh’imich mi sios am bruthach. Criosd. Dh’innis e dhomh gum fac’ e thu a’ dol seachad; ach b’fhearr leam gum biodh tu air deanamh guth aig an tigh; oir nochdadh iad duit ioma ni iongantach, is gann a dhì-chuimhnicheadh tu gu là do chrìche. Ach guidheam ort innis domh, an do thachair aon neach ort ann gleann na h-Irisleachd? Dìl. Thachair fear orm ann d’am b’ainm Neo-thoilichte, leis am b’àill impidh o chuir orm pilleadh air m’ ais leis: thuirt e gur e bu choireach ris, a chionn gun robh ’n gleann na àite neo-mheasail. A bharr air sin thuirt e rium, le mi [TD 60] dhol ’an sin, gu’n cuirinn mi-thlachd mo chàirdean rium, mar bha Uabhar, Ardan, Fein-spéis, Uaill-shaoghalta, agus muinntir eile, a bha fios aige, a ghabhadh gu h-olc mi dhol ann. Criosd. Seadh, agus ciod a thuirt thu ris? Dìl. Thuirt mi ris, ged a dh’fhaodadh gach neach a dh’ainmich e dàimh agairt rium a réir na feola, gidheadh o’n a thainig mi air an turus so, gun do chuir iad cùl rium, agus gun do chuir mise cùl riu-san; air an aobhar sin gun robh iad a nis mar nach buineadh iad riamh dhomh. Dh’innis mi osbarr dha, nach d’aithris e’n fhirinn domh m’an ghleann so: oir roimh urram gun robh irisleachd, agus spiorad uaibhreach roi’ leagadh. Uime sin, thuirt mi ris, gum b’fhearr leam dol tre’n ghleann so chum an urraim aig na daoine bu ghlice, no chum an ni sin a bha easan a meas na aithrigh-ghaoil. Criosd. An do thachair a bheag tuille ort sa ghleann sin? Dìl. Thachair Nàire orm: ach de na h-uile neach a thachair riamh orm air leam gur e-san is lugha nàire. Ghabhadh càch cuir air cùl le beagan seanachais; ach h-eab ’s nach sguireadh am fear beag-nàrach so idir. Criosd. Ciod a thuirt e riut? Dìl. Ciod a thuirt e! chuir e an aghaidh diadhachd fein: thuirt e gum bu ghnothach bochd, dìbhlidh, tràilleil do dhuine bhi leanailt diadhachd; gum bu ghnòthach neo-dhuineil cogais-mhaoth: agus gun tairngeadh e gu beag meas duine bhi co faicilleach air a chainnt agus air a dheanadas, ’s a bha diadhachd ag iarruidh. Thuirt e cuideachd gum b’ ainmig a bha na cumhachdaich, na saibhir, no na daoine glice sa bharail san robh mise; no idir iadsan m’am fàsadh iad nan amadain, gu bhi toileach an t-iomlan a chall gun fhios c’arson. Fhuair e cuideachd coire do chor iosal neo-fhiachail nan oilthireach a bh’ann san àm; agus mar an ceudna, gun robh iad aineolach neo-thuigseach anns gach oilean measail gnàthaichte: Seadh thuirt e, gum bu nàr do dhuine suidh sios gu tùrsach brònach le searmoin a chluinntinn, agus tighinn dachaidh gu dubhach deurach: gum bu nàr dhomh mathanas iarruidh air mo nàbuidh arson coire bheag, no idir co’-leasachadh a thoirt [TD 61] da arson ni a bheirinn uaithe. Thuirt e fòs, gun robh diadhachd a’ toirt air duine fàs neonach leis na daoinibh mòra, arson peacaidh ’gan robh iad ciontach, agus gu meas a bhi aige air daoine nach b’ fhiu, a chionn gum b’ ionann barail dhoibh agus d’ a fein: Agus nach nàr an ghnothach sin, thuirt e? 1 Cor. i. 26. iii. 18. Phil. iii. 7—9. Eoin. vii. 48. Criosd. Agus ciod a thuirt thu ris? Dìl. A Thuirt mi ris! ’S gann a bha fios agam ciod a theirinn ris an toiseach. Chuir e thuige co teann mi, ’s gun d’thainig m’fhuil a’ m’ aodann; agus cha mhòr nach d’fhartluich e orm. Ach fa dheire, ghlac mi misneach, agus thuirt mi ris gun robh na nithe a bha measail aig daoine, fuathach le Dia. Agus air leam a rìs, gun robh am fear so ag innse dhomh mu dhaoinibh; ach nach d’innis e idir dhomh mu Dhia agus mu fhocal. Agus thainig e’m bheachd, nach rachadh air cheann là a bhreitheanais breth a thoirt oirn gu sonas no gu truaighe a reir gnàth an t’saoghail, ach a rèir lagh agus gliocais an ti is àirde. An sin thuirt mi, gur e an ni a their Dia is fearr, ged a their daoine na aghaidh: uime sin do bhrìgh gu bheil Dia a’gabhail diadhachd mar roghainn: gur caomh leis cogais-mhaoth; agus gur iadsan a tha gan deanamh fein nan amadain arson rioghachd nèimh is glice; agus gu bheil an duine is bochda aig a’ bheil gràdh do Chriosd ni ’s saibhire no an duine is mò maoin san domhan air am beag e. Fhir gun nàire imich romhad, oir tha thu ’an aghaidh mo shlainte; an gabh mi riut an aghaidh mo Thighearna? Cionnas ma ta a dh’amhaircinn air ’n uair a thigeadh e? Nam bithinn san àm fo nàire as fein agus as a sheirbhisich, cionnas a dh’fhaodas fiuthar a bhi agam ris a bheannachadh? Ach gu deimhin bu chré gun nàir am fear so; ’s gann a b’ urrainn domh a chuir as mo charamh: seadh, leanadh e rium, a’ cuir cogair ann am chluais mu nithe a bhuineas do laigsinn a chreidimh; ach mu dheire thuirt mi ris gum bu diomhain da tuill’ a ràdh m ’an chùis; oir gur iad na nithe a b’fhuathaich leis san a b’ annsa leamsa; fhuair mi ma dheire cuibhte dheth. ’San uair a fhuair mi seachad air thòisich mi air an òran so a sheinn, Mat. viii. 38. [TD 62] Is goirt ’sgur cruaidh na deuchainnean Thig orrasan a bhios, Umhal do’n ghairm neamhuidh ud, ’S nach meataich ann le sgìos; Ach bi’ maid seasmhach misneachail, Le ’r n-earbs a Dia gach àm, A’s ni easan fòs ar saoradh as, Ar triobluidibh nach gann. Criosd. Tha aiteas orm a bhràthair gun do sheas thu cho tul-chuiseach an aghaidh an t’Slaoightire ud: oir gabham leat na ràdh, nach d-thug iad an t’ ainm ceart idir air; oir tha e co dàna mhìobhail ’s gun lean e sinn feadh na sràide, agus gun oirpich e nàir a chuir oirn ’am fianuis gach duine: ’se sin nàir a chuir oirn arson an ni ata math; ach mar biodh e fein gun nâire cha deanadh e idir mar tha e deanamh; ach cuireamaid gu duineil na aghaidh; oir ga mòr a bhòilich cha’n àrdaich e ach na h-amadain, “Sealbhaichidh na daoine glice urram, arsa Solamh; ach “is e nàire àrdachadh nan amadan.” Gnath. iii. 35. Dìl. ’S fheudar dhuinn còmhnadh ar n-Athar neamhuidh iarruidh ’an aghaidh Nàire, leis am b’àill sinn a bhi trèubhach arson na firinn air thalamh? Criosd. Is fior sin; ach an do thachair aon duine tuille ort sa ghleann sin? Dìl. Cha do thachair oir bha solus na gréine agam feadh a chuid eile dheth; agus fòs tre ghleann sgàil a bhàis. Criosd. Bu shona dhuitse sin; oir fhuair mis air atharrachadh e; oir thugadh, co luath ’sa thainig mi stigh do’n ghleann sin, oirp orm le Apoluoin, agus bha cruaidh-chòmhrag eadaruinn, agus shaoil mi iomadh uair gu’m faigheadh e buaidh orm, gu h-àraidh ’nuair a fhuair e fodha mi, ’sa bhrùth e mi, mar g’am fàisgeadh e’n deo asam; oir ’n uair thilg e sìos mi, leum mo lann as mo laimh: thuirt e rium an sin gum bu chùis da fein mi; ach ghlaodh mi ri Dia, agus chual e mi, agus shaor e as gach àmhghar mi. An sin dh’inndrinn mi an gleann sgàil a bhàis, agus cha robh leus soluis agam còrr is leth na slighe. Shaoil leam gun cuirte gu bàs mi iomadh uair; ach ma dheire bhris an fhàire agus dh’éirich a ghrian; agus dh’imich mi troi na bha romham gu sunntach rèidh. Osbarr, chunnaic mi a’m’ aisling, mar dh’imich iad air [TD 63] an aghaidh gun d’amhairc Dìleas chum an darna taobh, agus chunnaic e fear d’am b’ainm Bruidhneach, ag imeachd tamull beag uatha. Bha e na dhuine mòr fada, ni b’fhearr coslas fad as na dlù do laimh: Thuirt Dìleas ris mar a leanas: Dìl. A charaid, c’àit’ a ruigeas tu? A’ bheil thu dol chum na tìre nèamhuidh? Bruidh. Tha mi, thuirt e. Dìl. Is math sin; tha dòchas agam gum bi do dheagh chuideachd againn. Bridh. Tha mi deonach air bhi leibh. Dìl. Thig air t’aghaidh ma ta, agus falbhamaid le chéile; agus labhramaid mu nithe feumail. Bruidh. Is caomh leamsa labhairt mu nithe math, maille ruibhse, no ri daoin’ eile; agus tha aoibhneas orm gun do thachair mi orrasan leis an ionmhuinn cùis co taitneach; oir cha mhòr leis an caomh labhairt uime sin, ach ’sannsa leo bhi cainnt mu nithe neo-tharbhach; agus is deacair leomsa sin. Dìl. Is cùis mhuladach ga rìreadh e; oir ciod an ni is co math an aithrigh air bhi labhairt uime ris na nithe a bhuineas do Dhia. Bruidh. Is ro-ionmhuinn leam thu: oir tha do chaint làn de gheur-mhothachadh; agus fòs ciod an t’aon ni a tha co taitneach agus co tarbhach ri bhi labhairt mu nithe a bhuineas do Dhia? Ciod na nithe co taitneach; ma tha tlachd aig duine labhairt mu eachdruidh, mu rùn-diomhair nithe; no m’as miann le duine labhairt mu mhiorbhuilean, mu iongantais no comharran, c’àit’ am faigh e nithe air an cuir sios co taitneach agus co snasmhor, ’s a gheibh e sna sgriobtuiribh naomha? Dìl. Tha sin fior; agus ’se tairbhe fhaotainn na leithid sin de chainnt bu chòir a bhi ’nar n’aire. Bruidh. Is e sin a thuirt mise; oir is e labhairt mu nithe mar sin is ro-tharbhaiche; oir le sin a dheanamh faodaidh duine fàs eolach mu ioma ni: mar tha faoineachd nithe talmhuidh, agus sochair nithe neamhuidh. Leis a so faodaidh duine mòr-fheum an nuadh-bhreith fhoghlum. Neo-iomlaineachd ar n oibre fein; am feum a th’aguinn air fìreantachd Chriosd, &c. A bharr air so faodaidh duine [TD 64] a thuigsinn ciod e aithreachas a ghabhail, creidsinn, ùrnuigh a dheanamh, fulang, &c. Leis a so fòs faodaidh duine fhoghlum ciod iad geallaine mòr agus sòlais an t-soisgeil, chum a thoil-inntinn fein; Osbarr leis a so faodaidh duine fhoghlum mar chuireas e an aghaidh barail mheallta, cuir leis an fhìrinn, agus an t’aineolach a theagasg. Dìl. Tha sin uile fior: agus is toilichte mi iad sin a chluinntinn uaitse. Bruidh. Mo thruaighe ’se easbhuidh na nithe sin is cionfath gu bheil iad co tearc a tha tuigsinn an fheum a th’ac’ air creidimh, agus am feum mòr a th’ac’ air gràs nan anam, chum an ullachadh fa chomhair na beatha shiorruidh; ach tha iad gu h-aineolach a’ buanachadh ann an oibribh an lagha, leis nach ’eil e comasach do dhuine rioghachd Dhe fhaotainn. Dìl. Ach le d’ chead’ ’s e eolas nèamhuidh tiodhlac’ Dhe; cha ruig aon duine air le gliocas saoghalta, no idir le labhairt uime. Bruidh. Tha dearbh-fhios agam air sin, oir cha’n urrainn duine aon ni fhaotainn mar d-thoirear dha o nèamh e: tha’n t’iomlan o ghràs, ni h-ann o oibribh: b’ urrra dhomh ceud àite de’n sgriobtuir mu thimchioll so a chomharrachadh a mach dhuit. Dìl. Ro mhath ma ta, arsa Dìleas, ciod an t’ aon ni mu’n labhair sinn san àm so? Bruidh. Air aon ni is àill leat: labhruidh mise riut mu nithe neamhuidh no talmhuidh; nithe modhannail no mu’n t’ Soisgeul; nithe naomha no mu nithe baoth; nithe chaidh seachd no mu nithe ri teachd; mu nithe aig an tigh no uaithe; mu nithe feumail no mu nithe diongmhalt; air chùmhnant gur h-ann chum ar buannachd a ni sinn e. Dìl. A nis thòisich Dìleas ri iongantas a ghabhail, agus air dha dol a leth-taobh far an robh Criosduidh, thuirt e os iosal ris, Nach taitneach an combanach a fhuair sinn: gu cinnteach ni am fear so deagh-fhear-turuis. Criosd. Ris a so rinn Criosduidh smèide ciùin gàire, agus thuirt e, meallaidh an duine so mu bheil do bharail co math, le theangaidh mhilis bhriathraich, ioma fear d’ a nach aithne e. [TD 65] [Taobh-duilleig 56 san leabhar fhèin] Dìl. An aithne dhuits’ e ma ta? Criosd. ’S aithne dhomh! ni ’s fearr na ’s, aithne dha e fein. Dìl. Cò e ma ta? Criosd. Is e is ainm dha Bruidhneach: tha e thàmh sa bhail’ againne; is ioghnadh leam nach aithne dhuit e; ach gun amharus tha ’m bail’ againne ro-mhòr. Dìl. Cò d’ am mac e? agus ciod an earrann de’n bhaile bheil e a chòmhnuidh? Criosd. Is mac e do dh’ fhear Abair-gu-math, bha e thàmh san t-sràid-bhriathraich; agus ’s e Bruidhneach no Briathrach a their iad ris; agus ga mòr a th’ aige ri ràdh, cha ’n ’eil ann ach fear nach fiù. Dìl. Ma ta shaoile tu gur taitneach an duin’ e. Criosd. ’Se sin a th’ air leis mhuintir nach ’eil mion-eolach uime: oir is fearr e o’n tigh na aige. Tha thu le ràdh gur taitneach an duine e, a’ toirt a’ m’ chuimhne obair fear tharruing dhealbh, a sheallas ni ’s fearr asdar beag uait no le bhi dlù dhuit. Dìl. Ach ’s barail leam nach ’eil thu da rìreadh, a chionn gu ’n d’ rinn thu gàire. Criosd. Nior leige Dia gu ’m bithinn ri faoineachd, ged a rinn mi sméide gàire, no gun cuirinn an eucoir air neach sam bith; innsi mi tuille dhuit uime: Tha ’n duine so arson cuideachd sam bith, agus arson labhairt mu ni sam bith: ceart mar tha e labhairt riuts’ an dràst’ labhraidh e san tigh-òsda; agus mar is mò a dh’ òlas e, ’sann is liudhadh a chainnt. Cha ’n ’eil diadhachd idir na chridhe, na thigh, no na chaithe-beatha: Tha na tha aige uime na theangaidh, agus cha ’n eil na dhiadhachd ach fuaim gun seadh. Dìl. A’ bheil thu ’g ràdh sin! ma ta ’s mòr a tha mis air mo mhealladh leis an duine so. Croisd. Air do mhealladh! ’s cinnteach gu bheil thu’n sin. Cuimhnich an Sean-fhocal, Mat. xxiii. 1 Cor. iv. 2. Their, ach cha dean iad; ach cha’n ann an cainnt a tha rioghachd Dhe, ach ’an cumhachd. Tha e labhairt mu ùrnuigh, mu aithreachas, mu chreidimh, agus mu’n nuadh-bhreith; ach ’se labhairt ni ’s aithne dha umpa. Bha mise na theaghlach, agus thug mi fainear dha aig an [TD 66] tigh agus uaithe: agus tha mi fiosrach nach ’eil mi ach a labhairt na firinn uime. Cha mhò a tha de dhiadhachd na thigh na tha bhlas air gealagan uidhe. Cha’n ’eil aon chuid ùrnuigh, no coslas aithreachas mu pheacadh ann: tha a reir an gné na brùidean a’ deanamh seirbhis is fearr do Dhia. Tha e na thàmailte, na mhasladh agus na mhi-chliu do dhiadhachd leis gach neach d’an aithne e; tha droch cliu air far a’bheil e chòmhnuidh. Their iadsan a tha eolach uime, Gur naomh o’n bhaile e, agus deamhan aig an tigh. Tha theaglach bochd a’mothachadh gur e sin a th’ ann; tha e co iargalta, chànranach, agus co mi-reusonta r’a sheirbhisich, ’snach urrainn doibh a thoileachadh. Their iadsan aig a’ bheil roinn ris, gur usa dhoibh roinn ri Turcach, na ris; oir gheibh iad ceartas o’n Turcach, ach cha ’n fhaigh iad sin uaith-san. Bheir am fear so, m’as comas e an car asda. Osbarr tha e ’g àrach a chuid mac san aigne cheudna; agus ma thuigeas e gu bheil iad tiom-chridheach, oir ’s e sin a their e ri iad a bhi bàigheil còir, their e amadain agas baoghairean riu; cha’n earb e ach beagan riu, agus cha chan e focal math umpa ri càch. Cha ’n ’eil teagamh agam nach ioma neach air an d-thug e tuisle le chaithe-beatha aingidh fein; agus mu’r dubhairt Dia e, bheir e sgrios air mòran tuille. Dìl. Seadh a bhràthair, ’smath a tha mi ged chreidsinn, cha’n ann amhàin a chionn gun dubhairt thu gum b’aithne dhuit e, ach a chionn gu bheil thu, mar is còir do Chriosduidh a dheanamh, a’labhairt gu h-iomchuidh mu dhaoine. Cha’n fhaod mi smaoineachadh gur ann o dhroch rùn a tha thu labhairt, ach gu bheil gach ni mar thuirt thu. Criosd. Mu ’r biodh tuill’ eolais agam air na bha agadsa, theagamh gum bithinn san aon bharail riutsa; ni h-e amhàin sin ach nam faighinn an cunntas so uime uatha-san air am beag diadhachd, shaoilinn gur ann o mhi-run a thainig e, ni is tric a tha tachairt. Ach ’s urrainn mi o’m fhiosracha fein gach ni a thuirt mi a dhearbhadh, agus am barrachd. A bharr air sin tha e na aobhar nàire le deagh dhaoinibh, cha’n abair iad bràthair no caraid ris. Cuiridh urrad agus ainmeachadh nam measg nàir orra, m’as aithne dhoibh e. Dìl. Tha mi nis a’ faicinn gur dà ni rud a ràdh agus a [TD 67] dheanamh; agus an diaigh so bheir mi aire ni’s fearr dha. Criosd. Is dà ni iad gun amharus, agus tha na h-urrad eadar-dhealachaidh eatorra ’s a tha eadar an t-anam agus an corp. oir mar nach ’eil an corp as eug’ais an anma ach mar chlosaich mhairbh. Is e smior na diadhachd an earrann ghniomhach. ’Se fior dhiadhachd neo-thruaillidh am fianuis Dhe agus an Athar, an dìlleachdan agus a bhantrach fhiosrachadh nan airc, agus aon ga chumail fein gun smal o’n t-saoghal. Seum. i. 27. faic rann. 2, 3, 24, 25, 26. Cha’n ’eil fiuthair aig an fhear so gur ann mar sin a tha chùis: tha e ’am barail gun dean cluinntinn agus labhairt mu chreidimh deagh Chriosduidh; agus mar so tha e mealladh anma fein. Cha’n ’eil ann an cluinntinn ach mar an sìol a chur; cha leoir cainnt a dhearbhadh gu bheil tairbhe sa chridhe, agus anns a chaithe-beatha; agus bitheamaid cinnteach air chionn là a mhòr-chunntais, gur h-ann a réir an toraidh a bheirear breth air daoinibh: Cha ’n abrar an sin, A’ bheil thu creidsinn? Ach an d’rinn thu? no ’n robh thu ach a mhàin ag ràdh? agus mar sin bheirear breth ort. Tha deireadh an t-saoghail air a choimeas ris an fhogharadh: Mat. xiii. agus xxv. agus tha fios agad nach ’eil san fhogharadh sgoinn aig daoine de ni sam bith ach toradh. Cha’n e gun gabhar ri aon ni nach ’eil o chreidimh: ach tha mi ’g ràdh so a’ leige ris duit co faoin ’s a bhitheas aidmheil Bhruidhnich air chionn an là sin. Dìl. Tha so a toirt am chuimhne mu thimchioll Mhaois, mar dh’ainmich e na beathaichean a tha glan, Lebh. xi. Deut. xiv. Tha Bruidhneach cosmhuil ris a bheathach a roinneas an ionga, ’s a chnàmhas a chìr; ni h-e nach dean ach an ionga a roinn, no a mhàin a chìr a chnàmh. Tha ghearr a’ cnàmh na cìre, gidheadh tha i neo-ghlan a chionn nach roinn i an ladhar. Agus tha suaip mhòr aige so ri Bruidhneach: tha e cnàmh na cìre, tha e ’g iarruidh eolais, a’ cnàmh an fhocail: ach cha roinn e’ n ladhar, cha dealaich e ri slighe pheacach; ach tha e mar a mhaidheach a’ giulan cos coin no Maghamhuinn, uime sin tha e neo-ghlan. Criosd. A réir mo bharail labhair thu fior sheadh nam briathran sin. Agus ainmichidh mi aon ni eile: Thuirt Pol ri cuid de dhaoinibh a bha mòr-bhruidhneach 1 Cor. xiii. 1, 2, 3. nach robh annta ach mar umha a ni fuaim. [TD 68] agus mar inneal-ciùil a ni gleangarsaich; se sin mar tha e ga mhìneachadh ann an àit eile, Nithe gun bheatha ’a deanamh fuaim, 1 Cor. xiv. Nithe gun bheatha ’se sin, as eugais fior chreidimh agus gràs an t’ soisgeil: agus air an aobhar sin, nithe nach cuirear am feasd do rioghachd neamh, nam measg-san a mheasar aithrigh air a bheatha-mhaireannaich; ged a bhiodh fuaim an teanga mar bhinn ghuth aingil. Dìl. Cha robh do thlachd agam ga chuideachd toiseach, nach ’eil mi nise co toileach bhi cuibhte dheth, Ciod a ni sinn chum a chuir as ar caramh? Criosd. Gabh mo chomhairlse, agus dean mar sheolas mi dhuit, agus tuigidh tu an ùine ghearr gum bi easan co toileach bhi cuibhte dhiotsa, mar buin Dia r’a chridhe, agus gum pill e. Dìl. Ciod is àill leat mi dheanamh? Criosd. ’S àill leam thu dhol d’a ionnsuidh, agus tionnsgain air càileigin de chainnt dhùrachdaich mu chumhachd na diadhachd; agus fiosraich dheth gu saor soilleir, (’n uair a dh’aontaicheas e leis, oir ni e sin) a bheil a chùis mar sin na chridhe, na theaghlach. no na chaithe-beatha. An sin chaidh Dìleas d’a ionnsuidh, agus thuirt e ri Bruidhneach, Ciod an cor sa bheil thu nis? Bruidh. Tha mi d’ chomain: tha mi gu math, shaoil mi gum biodh againn mòran conaltraidh roimhe so. Dìl. Ro mhath, tòisichidh sinn a nis m’ as àill leat: agus o’n a dh’fhàg thu agams’ an seanachas r’a shocrachadh, bitheadh e chum na crìche so. Cionnas a tha gràs slainteil Dhe ga nochda fein, ’n uair a tha e ann an duine? Bruidh. Tha mi mothachadh ma ta gur ann mu chumhachd nithe a labhras sinn. Tha cheist ro mhath, agus bheir mise freagradh air a mhodh so; Air tùs, far a’ bheil gràs Dhe anns a chridhe, oibrichidh e gàir mhòr an aghaidh a pheacaidh. San dara h-àite— Dìl. Deonaich stad, thugamaid fainear a h-aon cò’-lath: Air leam gur e bu chòra dhuit a ràdh, gu bheil e ga nochda fein leis an anam aomadh gu fuath a thoirt do ’n pheacadh. Bruidh. Ciod an t’ eadar-dhealachadh a tha eadar gàir a dheanamh na aghaidh, agus fuath thoirt da? Dìl. Tha mòran. Faodaidh duine glaodhaich a mach [TD 69] an aghaidh a pheacaidh a thaobh seoltachd; ach cha ’n urrainn da fuath a thoirt da. ’S ioma fear a chuala mi g’ eigheach a mach an aghaidh a pheacaidh sa chrannaig, a b’urrainn fhulang gu math sa chridhe, nan tigh, agus nan caithe-beatha Gein. xxxix. 15. Dh’éigh bana-mhaighstir Ioseiph a mach le guth àrd, mar g’am biodh i ro-dhiadhaidh; ach bha i làn thoileach neo-ghloin a chuir an gniomh leis. Glaodhaidh cuid eigin a mach an aghaidh a pheacaidh, direach mar their màthair an aghaidh an leinibh na h-uchd, ’n uair a their i ’n cù agus bréinean ris, agus air ball pògaidh agus criotaichidh i e. Bruidh. Tha thu toileach an cothrom fhaotainn, mar mo bharail. Dìl. Cha ’n ’eil idir; cha ’n ’eil mi ach a’ cur nithe ann an deagh riaghailt. Ach ciod an darna ni leis an nochd thu gu bheil gràs Dhe anns a chridhe? Bruidh. Mòr eolas air rùin-dhiomhair an t-Soisgeil. Dìl. Bu chòir do’ n chomharradh so bhi air tùs; ach ge b’ e àit am bi e tha e mar an ceudna mearachdach; oir faodar mòr eolas fhaotainn mu rùin-dhiomhair an t-Soisgeil, agus gun aon obair ghràis a bhi san anam: seadh, ged a robh gach eolas aig duine, faodaidh e bith nach ’eil ann ach neo-ni, agus nach ann do chloinn Dhe e. 1 Cor. xiii. ’Nuair a thuirt Iosa, an aithne dhuibh na nithe sin uile; freagair na Deisciobuil, gum b’ aithne, thuirt e, Is beannuichte sibh mu ni sibh iad. Cha dubhairt e, Is beannuichte sibh m’ as aithne dhuibh iad; ach mu ni sibh iad. Oir tha eolas ann nach ’eil deananaich na cho’-chuideachd: Easan d’ am b’ aithne toil a Mhaighstir, agus nach d’ rinn e. Faodaidh duine eolas a bhi aige mar Aingeal, agus gun e bhi na Chriosduidh; uime sin cha ’n ’eil do dhearbhadh fior. Gu deimhin bheir a bhi eolach toileachadh do mhuinntir uallaich bhriathraich; ach ’se a dheanamh a thoilicheas Dia. Cha ’n e gum faod an cridhe bhi math gun eolas; oir as eug’ ais sin is neo-ni an cridhe. Tha uime sin da ghnè eolais ann; eolas nach ’eil ach a mhàin sa cheann; agus tha eolas ann a tha gràs a chreidimh agus a ghràidh na cho’-lorg; a bhrosnaicheas duine chum toil De a dheanamh le uile chridhe. ’S leoir leis an fhear bhriathrach a cheud eolas; ach as eug’ ais an eolais eile cha ’n [TD 70] ’eil am fior Chriosduidh toilichte. Tabhair dhomh tuigse, agus coimheadaidh mi do reachd; seadh coimheadaidh mi e le m’ uile chridhe, Salm. cxix. 34. Bruidh. Tha thu gabhail a chothrom a rìs: cha’n ann chum tairbhe tha na nithe sin. Dìl. Ro mhath, m’as àill leat nochd comharr eile mar tha gràs ga fhoillseachadh far a’ bheil e. Bruidh. Gu deimhin cha nochd; oir tha mi faicinn nach bi si aon-sgeulach. Dìl. Mar dean, an ceadaich thu dhomhs a dheanamh. Bruidh. Tha thu aig saorsa do thoile fein. Dìl. Tha gràs anns an anam ga nochda do’n neach aig a, bheil e, no dhoibhsan a tha ga fhaicinn. Dhàsan aig a ’bheil e, air an doigh so: Tha e toirt mothachadh dha air a pheacadh, gu h-àraidh air truaill’eachd a nàduir, agus mu pheacadh mi-chreidimh, arson am faod e bhi cinnteach a bhi caillte mar faigh e tròcair o laimh Dhe, tre chreidimh ann an Iosa Criosd. Tha’n sealladh agus am mothachadh so ag oibreachadh bròin agus nàire arson peacaidh: Tha e mothachadh a bharr air sin, Slanuigh’ear an t’saoghail air fhoillseachadh dha, agus am feum anabarrach a tha aige air gabhail ris, arson a’bheil ocras agus tart air air a shon: agus ’sann do na cìocrais sin a tha’n gealladh air a thoirt. A nis sann a reir mar bhios a chreidimh ’na Shlanuighear làg no laidir, a bhios a ghàirdeachas agus a shìth, a ghràdh do naomhachd, a dhéigh air a bharrachd eolais fhaotainn, agus seirbhis a dheanamh dha san t-saoghal so. Ach ged a thuirt mi, gu bheil e ga nochdadh mar so dha, gidheadh ’s ainmig is urrainn da a thuigsinn gur h-obair ghràis a th’ ann; a chionn gu bheil a thruaill’eachd, agus a chlaon nàdur a’ cuir inntinn am mearachd sa chùis so: uime sin feumaidh easan aig a’ bheil an obair so barail chothromach a bhi aige, m’am faod e le ceartas breth a thoirt gur obair ghràis a th’ann. Eoin. xvi. 8. Rom. vii. 24. Eoin. xvi. 9. Marc. xvi. 16. Salm. xxxviii. 18. Gal. ii. 15. Gniomh. iv. 12. Mat. v. 5. Foill. i. 6. Do mhuinntir eile tha e air a mhodh so air fhoillseachadh: 1. Le aidmheil a chreidimh ann an Criosd o fhein-fhiosrachadh. 2. Le caithe-beatha freagarrach do’n aidmheil sin, se sin, le beatha [TD 71] naomha, le naomhachd-cridhe, naomhachd-teaghluich, ma tha teaghlach aige, agus le naomhachd-caithe-beatha san t-saoghal; ni a tha mar is trice a’teagasg dha fuath o’n leth a stigh a thoirt do’n pheacadh, agus, d’a fein an uaigneas air shon; a chumail fodha na theaghlach, agus naomhachd a chuir air a h-aghaidh sa bheatha so, ni h-ann a mhàin ann an cainnt, mar chealgoir, ach le ùmhlachd ghniomhaich an creidimh agus ’an gràdh do chumhachd an t’saoghail. Agus a nis a thaobh a chunntais ghearr so mu obair gràis, agus fòs mu fhoillseachaidh, ma tha bheag agad ri ràdh nan aghaidh, dean e; ach m’ar eil, deonaich dhomh cead an dara ceisd a mhìneachadh dhuit. Rom. x. 10. Philip. i. 27. Mat. v. 9. Eoin. xxiv. 5. Salm l. 20. Iob xxiv. 5. 6. Esec. xxiv. 43. Bruidh. Is e mo ghnothachs’ a nis gun chuir ’an aghaidh, ach éisdeachd; cluinneam uime sin do dhara ceist. Dil. ’Si so i mata: An do mhothaich thusa riamh a cheud earrann deth? Agus a’bheil do chaithe-beatha agus do ghiulan a’togail fianuis uime? no n-ann a tha do chreidimhs’ a’ co’-sheasamh ann an cainnt-beoil, agus ni h-ann an gniomh agus ’am firinn? Guidheam ort ma’s toil leat freagairt a thoirt air a so, nach abair thu a bheag ach na leigeas tu gu ràidhe Dhe mu’n fhirinn; agus cuideachd nach can thu ni sam bith ach ni air an d-thoir do choguis fianuis; oir cha’n easan a mholas e fein ris an gabhar, ach ris-san a mholas an Tighearna. A bharr air sin tha a ràdh gu bheil mi mar so no mar sud, ’n uair a tha mo ghiulan, agus mo choimhearsnaich ag ràdh nach fior e, ro-chiontach. Bruidh. An sin thainig rughadh an aodann Bhruidhnich, ach air dha teachd d’a ionnsuidh fein thuirt e: Tha thu nis a’ teachd gu fein-fhiosrachadh, gu coguis, agus a chum Dhe; agus chum a leige gu ràidhe-san a thaobh firinn na theid a labhairt: Cha robh fiuthair agam ris a ghnè chainte so: cha mhò tha mi deonach freagradh a thoirt air, a chionn nach’ eil mi meas mi fein fo fhiachaibh sin a dheanamh; m’ar gabh thus’ ort fein a bhi ’d’fhear-ceasnachaidh; agus ged a dheanadh tu sin fein, cha ruig mis a leas do ghabhail mar bhreitheamh: ach guidheam [TD 72] ort innis domh c’ arson a tha thu feoraich an samhuil sin de cheistibh dhiom? Dìl. A chionn gun do thuig mi gun robh thu teom air labhairt, agus gun robh fios agam nach robh a bheag agad ach cainnt. A thuill’ air sin, chuala mi umad, gu bheil do chreidimhs’ a’ co’-sheasamh ann an cainnt, agus gu bheil do ghiulan a’ toirt na brèige do d’ aidmheil. Tha iad ag ràdh, gur smal am measg Chriosduidhean thu; agus gur miste diadhachd do dhroch caithe-beatha: gun d-thug do droch giulan air ioma neach tuisle cheana, agus gu bheil tuille ann an cunnart dol am mugha leis: tha do dhiadhachds agus na tighean òsda, mionnacha agus breugan, agus droch cuideachd, &c. fior fhreagarrach ga cheile. Faodar a ràdh umadsa, mar a deirear mu strìopaich, gur aobhar nàire do gach boirionnach i; ’s amhuil a tha thusa do gach fear aidmheil. Bruidh. O ’n a tha thus ullamh a ghabhail tuaileis, agus a thoirt breth co obann, cha ’n fhaod mi smaoineacha nach duine nach fiu thu bhi labhairt riut, uime sin Slan leat. Criosd. An sin thainig Criosduidh air aghaidh, agus thuirt e r’a bhràthair, dh’innis mise dhuit mar thachradh; cha b’urrainn do d’ chainntse agus d’a ana-mhiannaibhse co’-aontachadh: b’ fhearr leis do chuideachds’ fhàgail no a bheatha ath-leasuchadh; ach dh’fhalbh e, mar thuirt mi; falbhadh e roimhe, ’s ann da fein a tha ’n call: chaomhain e dhuinne dragh easan fhàgail: oir ma bhuanuicheas e mar tha, mar is dòch’ e dheanamh, cha bu taitneach dhuinne e bhi leinn: A bharr air sin, tha ’n t’ Abstol ag ràdh, O a shamhuil sin dealaich thu fein. Dìl. Ach ’s math leam gun robh ’m beagan cainnte so againn ris; theagamh gun smaoinich e rìs air: co ac’ a ni e sin no nach dean, bhuin mise gu saor soilleir ris; leis a sin tha mi saor o fhuil ged a theid e am mughadh. Criosd. Is cliùiteach a rinn thu labhairt co soilleir ris: cha mhòr a tha de ’n labhairt dhìleas so ri fhaotainn san àm so, agus ’s e sin a tha fagail diadhachd co tàireil an suilibh ioma neach ’sa tha e: ’s iadsan a mhàin aig a’ bheil e mar sin, na h-amadain bhriathrach, aig nach ’eil diadhachd ach nan cainnt, a tha truaillidh agus faoin nan [TD 73] caithe-beatha, a tha air an gabhail a stigh gu co-chomunn nan naomh, a tha cuir dragh air an t’saoghal, a’ cuir mi-dhreach air a Chreidimh Chriosduidh, agus a’ cuir doilgheas air na treibh-dhirich. B’fhearr leam gum buineadh gach fear riu mar rinn thusa, agus an sin bhiodh iad ni bu fhreagarraich do dhiadhachd, no cha bhiodh tlachd aca d’an cuideachd. An sin thuirt, Dìleas, Cia àrd a thog Bruidhneach adharc suas, Cia dàn’ a chainnt, le earra-ghloir chruaidh; A chuir sios gach neach, ’an caochchladh beachd: Ach ceart co luath ’s a bhrosnaich Dileas ris Mu’n obair-chridhe, mar ghealaich seach a h-àirde, Chaidh e grad air chùl, gun smid ri ràdh; ’Samhuil a thèid gach neach, ach iads’ aig am bi Air obair a chridh fios nan cainnt ’snan gniomh. Mar so chaidh iad air an aghaidh a labhairt mu na chunnaic iad air an t’slighe, air chor ’s nach robh iad a’gabhail fadail, ged a bha iad a’ coiseachd air feadh fàsaich. Agus an uair a bha iad dlù air bhi as an fhàsach sin, sheall Dìleas air ais, agus chunnaic e fear a’ tighinn nan déigh, agus dh’ aithnich se e. Co sid! a’tighinn thuirt Dìleas ri Criosduidh? Dh’amhairc Criosduidh, agus thuirt e, Tha’n sud mo dheagh charaid Soisgeulaich: tha, agus mo chaomh charaid-se cuideachd, arsa, Dìleas; oir b’easan a sheol domh ’n t’slighe chum an doruis. A nis rug Soisgeulaich orra, agus chuir e fàilte oirre: Soisg. Sìth dhuibh, a mhuinntir ionmhuinn; agus gun robh sìth d’ar còmhnadh. Chriosd. ’Se do bheatha, a dheagh Shoisgeulaich; tha t-fhaicinn a’ toirt gum’ chuimhne do sheana chaoimhneas domh, agus do shaothair ghràidh chum mo leas shiorruidh. Dil. Agus ’s e do bheatha mìle uair agamsa, arsa deagh-Dhìleas; is ionmhuinn agus is tarbhach dhuinne do chuideachd, O Shoisgeulaich ghràdhaich. Soisg. An sin thuirt Soisgeulach, Cionnas a bha sibh, mo chàirde, o chunnaic mi roimhe sibh? Ciod a thachair oirbh, agus cionnas a ghnàthaich sibh sibh fein? An sin dh’innis Criosduidh agus Dìleas dha mu na [TD 74] thachair dhoibh air an t’slighe; agus cionnas a thainig iad air eigin chum an àite sin. Soisg. ’S buidheach mi, arsa, Soisgeulaich, cha’a ann a chionn gun d’thainig deuchainnean oirbh, ach a chionn gun d-thug sibh buaidh orra; ’sa chionn gun do bhuanaich sibh san t’ slighe gus an là’n diugh. Tha mi ràdh, gur toilichte mi de’n ni so, an da chuid air mo shon fein agus air ur sonsa; chuir mise agus bhuain sibhse. Tha’n la a’teachd san dean easan a chuireas agus iadsan a bhuaineas co’-ghairdeachas cò’-lath; se sin, ma bhuanaicheas sibh, ann an àm iomchuidh buainidh sibh, mar fannaich sibh. Eoin iv. 56. Gal. vi. 9. 1 Cor. ix. 24. 27. Tha’n crùn roimhibh, agus is crùn neo-thruaillidh a th’ ann. Uime sin ruidhibh, chum gum faigh sibh e. Foill. iii. 11. Tha cuid ann a theid air ionnsuidh chum an coron so fhaghail, ach an dèigh dhoibh dol fad air an aghaidh chum fhaotainn, tha neach eile teachd agus ga thoirt uapa: air an aobhar sin, gleidhibh gu teann an ni a th’agaibh, Na leigibh ur coron le neach sam bith: tha sibh fhathast far an ruig an droch spiorad oirbh: cha d-rinn sibh fhathast cathachadh gu fuil, a’dian strigh an aghaidh a pheacaidh: biodh an rioghachd do ghnà ’n ur beachd, agus creidibh gu seasmhach ann an nithibh neo-fhaicinneach; na faigheadh an saoghal greim oirbh: agus th’ar gach ni bithibh furachair mu’r cridheachaibh, agus air an ana-miannuibh, oir tha iad cealgach th’ar na h-uile nithe. agus anabharra aingidh; cuiribh ur gnùis mar chloich-theine; tha gach cumhachd air neamh agus talamh air ur crann. Criosd. An sin thug Criosduidh buidheachas da arson a chomhairle; ach thuirt e ris gum bu deonach leo gun labhradh e tuille riu, chum còmhnadh leo air a chuid a bha rompa de’n t’ slighe; gu h-àraidh o’n a bha fios aca gum b’ fhàidhe e, a’b’urrainn innse dhoibh mu no bha ri èiridh dhoibh. A reir an iartais labhair Soisgeulaich mar a leanas; Soisg. A chlann, chuala sibh a focal firinn an t-Soisgeil, Gur h-ann tre ioma triobluid is eigin duibh dol a steach do rioghachd néimh. Agus a rìs, Gu bheil anns gach baile cuibhrich agus àmhghair a’feitheamh oirbh; uime sin cha’n ion duibh fiuthair a bhi agaibh gun d-théid sibh fad air ur [TD 75] n-aghaidh air ur turus gun iad a thachairt oirbh, an aon seadh no seadh eile; mhothaich sibh caileigin diubh cheana, agus faireidh sibh tuille dhiubh gun dàil; oir, mar tha sibh a faicinn, cha ’n fhada gus am bi sibh a mach as an fhàsach so, uime sin thig sibh a chum baile mòr a chi sibh romhaibh; agus anns a bhaile sin cuirear thuige gu teann sibh le naimhdibh, a bheir oirp chum ur cuir gu bàs; agus bithibh cinnteach gur eigin do dh’ fhear agaibh, no theagamh le cheile, ur fianuis a nasgadh le fuil; Ach bithibh dìleas gu bàs, agus bheir an Righ dhuibh crùn na beatha. Is easan a chuirear gu bàs ann, ged a bhios a bhàs mi-nàdurra, agus a chràdh mòr, is fearr cuid deth, no’m fear a bhitheas a làthair; ni h-e amhàin arson gur e is luaithe ruigeas am baile nèamhuidh, ach a chionn gun seachain e ioma truaighe a thig air an fhear eile ’n a thurus. Ach ’n uair a thig sibh chum a bhaile, ’s a cho-’lionar na tha mis ag ràdh, an sin cuimhnichibh air ur caraid, agus bithibh gu fearail foghainteach, ag earbsa ur n-anma ri Dia chum math, mar ri Cruthai’ear dìleas. An sin chunnaic mi am aisling, ’n uair a thàr iad as an fhàsach, gum fac iad baile rompa, agus tha Diomhanas aig a bhaile; bha féill air a cumail ann ris an canadh iad Féill an diomhanais: tha i ga cumail gach là sa bhliadhna; theirear féill an diomhanais rithe, a chionn gu bheil am baile sa bheil i air a coimhead, ni’s eatruime no diomhanas; agus fòs gur diomhanas gach ni a bhios ri reic no ra cheannach ann. Mar thuirt an duine glic. Is diomhanas gach ni. Salm xl. 17. Ecles. i. ii. 11, 17. Cha ghnothach ùr idir an fhéill so, ach bha i ann o shean. Innsidh mi mar thainig i. Mu thimchioll cùig mìle bliadhna roimhe so, bha oilthirich air an turus chum a bhaile nèamhuidh, mar tha sibhs’ a dhaoine còir’ a’ dol: agus thug Beelsebub, Apoluon, agus Legion, le ’n combanaich, an aire leis a cheum a bha na daoin’ a’ gabhail, gun robh an rathad chum a bhaile direach troi’ bhaile an Diomhanais, dhealbh iad féill a chumail ann far am biodh gach diomhanas r’a reic, agus gun seasadh i fad na bliadhna; uime sin aig an fhèill sin bha gach seorta bathair r’a reic, eadhon tighean, fearann, caladhain, àiteachan, urraim, àrduchadh, ainmean urram- [TD 76] ach, dùchanna, rioghachdan, ana-amianna, sòlais, agus gach gné thoil-inntinn, mar tha boirionnaich neo-bhanail, mnathan pòsda, fir, clann, maighstirean, seirbhisich, beatha, fuil, cuirp, anma, airgiod, òr, neamhnuidean, clocha rìomhach, &c. Os barr tha anns gach àm r’am faicinn aig an fhèill so cleasaichean, luchd-char, cluicheachan, àbhachdas, amadain, agus slaoitirean de gach seorta. Tha cuideachd r’am faicinn an so, meirleadh, mortadh, adhaltras, fianuis-bhréige, agus iad uile ro-throm ann an dath. Agus mar a chi sibh air féillean is lugha seadh, tha ioma sreath agus sràid le ’n ainmibh fa leth, far a’ bheil an samhuil sud de bhathar r’a reic. Ann an so tha sràid Bhreatunn, sràid na Frainge, sràid na h-Eadailde, sràid na Spainnte, agus sràid na Gearmailt, far a’ bheil bathar gach rioghachd dhiubh sin r’a reic. Ach mar air féillean eile tha aon bhathar sonruichte r’a reic, ’s amhuil a tha ’n so, ’s e bathar na Roimhe agus a ceannui’eachd is mò miagh air an fhèill so; ach dh’fhàs rioghachd Bhreatunn agus rioghachdan eile fuathach mu ’n bhathar sin. Ach mar thuirt mi, bha ’n t-slighe chum a bhaile neamhuidh dìreach troi’n bhaile san robh ’n fhéill mhòr so air a cumail; agus b’ eigin da-san air am biodh a mhiann dol do’n bhaile nèamhuidh, agus nach rachadh troi’n bhaile so, dol buileach as an t’ saoghal. Chaidh Righ nan Righ fein, am feadh a bha e air thalamh, troi’n bhaile so, air a rathad da thìr fein, agus sin air latha féille cuideachd; agus m’as math mo bheachd, thug Beelsebub, àrdfhlath na féille so, cuire dha ceannach ga fhaoineachd; seadh gun deanadh e triath na féille dheth nan deanadh e ùmhlachd dha san dol seachad. Cha ’n e a mhain sin, ach o’n a bha e na neach co inbheach, thug Beelsebub o shràid gu sràid e, agus nochd e dha ann an ùine ghearr uile rioghachdan an domhain, a chum nam bu chomasach dha an ti naomha sin a mhealladh a cheannach cuid d’a dhiomhainis; ach cha robh spéis aige dhiubh, gu urrad agus luach aon fheórling a cheannach de na faoineachdaibh sin. 1 Cor. v. 10. Mat. vii. 8, Luc. iv. 5, 6, 7. Anis mar thuirt mi, b’eigin do’n luchd-turuis so dol [TD 77] troi’n fhéill so. Agus chaidh iad ann; ach air dhoibh inndrinn a stigh do’n fhéill, bha muinntir na féille, agus am baile fein, mar gam b’ann, ann an othail mhòr m’an timchioll, arson cionfath no dha. Air tùs, A chionn gun robh na h-oilthìrich air an sgeudachadh air dhoigh nach robh aon neach eile aig an fhéill. Bha uime sin na féillich a’ geur-bheachdachadh oirre: thuirt cuid diubh gum b’ amadain iad; thuirt cuid eile gur ann a tigh-cuthaich a thainig iad; agus thuirt daoin’ eile gur muinntir a rioghachd eile a bh’annt. 1 Cor. ii. 7, 8. San dara h-àite, Bha iongantas orra r’an èididh, agus cha bu lugha bha orra r’an cainnt; oir cha mhòr a thuigeadh ciod a theireadh iad: si cainnt tìr Chanaain a bh’ aca; ach b’ann de mhuinntir an t-saoghail so na féillich; air chor ’s gun robh iad mar Allamharraich gu chéile, o aon cheann na féille gu ceann eile. San treas aite, Ach ’se a chuir ioghnadh air na ceannuichean sin, gun do chuir an luchd-turuis so an suarrachas an cuid bathair; cha b’ fhiu leo urrad agus amharc air; agus nan d-thugadh iad cuire dhoibh gu cheannach, dhruideadh iad an cluasan, agus ghlaodhadh iad, Pill mo shùil m’an amhairc mi air diomhanas; agus shealladh iad an àird, a’ cialluchadh gu ’m b’ ann air nèamh a bha ’n ceannuidh’eachd-san. Thuirt aon fhear gu fanoideach riu, Ciod a cheannachas sibh? Thuirt iad gu foill ris, Ceannachaidh sinn an fhirinn, Gnath. xxiii. 23. Le sin a ràdh, air leo gun robh cionfath aca buntainn gu tàireil riu; rinn cuid diubh fanoid orra, thug cuid diubh beum dhoibh, thug cuid diubh masladh dhoibh, agus thuirt cuid diubh ri dream eile am bualadh. Ma dheire thòisich an iorghuill, agus dh’ éirich buaireas mòr sa mhargadh, ionnas gun deachaidh gach riaghailt os cùl. Chaidh grad fhios gu flath na féille, a thainig gu luath agus thug e àithne da dhaimhich na daoin’ud a thoirt gun ceasnachadh, a chuir an fheill gu mi-riaghailt. Chaidh uime sin an toirt, gu’n ceasnachadh; agus dh’fheòraich an luchd-breitheamh dhiubh, Cia as a thainig iad? C’àit a bha iad a’ dol? agus ciod a bha iad a’ deanamh san àite sin na leithid do thrusgan neonach? Dh’- [TD 78] innis na daoine dhoibh gum bu luchd turuis iad, agus gun robh iad nan coigrich san t-saoghal; agus gun robh iad air an turus d’an tir fein, ni a b’e an Ierusalem neamhuidh; nach d-thug iad cionfath air bith do mhuinntir a bhaile, no do na ceannaichibh, am mi-ghnàthachadh, no bac’ a chuir air an turus, mar ann a chionn gun dubhairt iad ri fear a dh’fheoraich dhiubh ciod a cheannachadh iad, gun ceannachadh iad an fhirinn. Eabh. xi. 13, 14, 15, 16. Ach cha do chreid na breitheachan iad, no idir gun robh annta ach muinntir chuthaich, no a thainig a chuir a mharguidh gu mi-riaghailt. Uime sin ghlac agus bhuail iad iad, gan eabradh san làthaich, agus rinn iad ball-amhairc dhiubh am fianuis na bha air an fhéill, Bha iad san t’ suidheacha so re seal, nan aobhar àbhacais do gach neach, fo am miosguinn agus am mi-run; agus aon fhear mòr a mhargaidh a’deanamh gàirdeachais arson na bha iad a’ fulang. Ach air do na daoinibh bhi foighidneach, gun bhi’g ìocadh càineadh arson càinidh, ach a’ toirt am beannachd, agus deagh chainnt arson droch cainnt; agus caoimhneas an èirig naimhdeas, thòisich cuid do na daoine bu neo-dhioghaltaiche na cheile a bh’ air a mhargadh ri achmhasan a thoirt do mhuinntir na féille, chionn iad a bhuntainn co garg neo-iochd’ar ris na daoinibh. Thug iad an sin an t-ath-ionnsuidh air luchd ghabhail an leith-sgeil-san, gam meas co olc riu-san a bha fo chuibhrcach; ag ràdh riu gum buineadh iad doibh, agus gun deant’ am peanas ceudna orrasan. Thuirt càch riu, a rèir aon ni a b’ fhiosrach iadsan, gun robh na daoine neo-lochdach, agus suidhichte, gun a bhi ’nan rùn cron a dheanamh do neach sam bith; agus gun robh ioma fear a’ tadhall a mhargaidh a b’ fhearr an aithrigh air an cuir an laimh, agus air peanas, no na daoine sin a mhi-ghnàthaich iad. Mar so an diaigh greis chonnsachaidh eatorra fein, thainig iad gu chèil, a bhualadh. An sin chaidh an dithis dhaoine bochda ud a thoirt a rìs air beulthaobh an luchd-ceasnachaidh, agus coire mi-riaghailt a mhargaidh a chuir as an leth. Mar so bhuail iad gu goirt iad, agus chuir iad ann an iarannaibh iad, agus dh’ fhalbh iad leo air slabhrui feadh a mharguidh, mar eisimpleir do chàch, mun teannadh aon neach ri dol nan aobhar. Ach ghiulain Criosduidh agus Dìleas iad fein gu glic, agus ghabh iad ris gach ana-gnàth- [TD 79] achadh a rinn iad orra co ciùin fhoighidneach, ’s gun d’aom e cuid de dhaoine gu’n leithsgeul a ghabhail. Chuir so càch ni bu mhò air boile, ionnas gun do chuir iad rompa gu’n cuireadh iad an dithis daoine sin gu bâs. Air an aobhar sin bhagair iad nach bitheadh iad toilichte le cuibhrich no le slabhruibh, ach gun rachadh iad gu bàs arson na mi-riaghailt a thug iad air an fhèill. An sin chuir iad sa chrò iad a rìs, gus an smaoinicheadh iad m’ an timchioll, agus chuir iad an cosan sa cheap. An so chuimhnich iad air na thuirt an caomh charaid soisgeulaich riu, agus bha iad ni bu striochdta do na thainig orra, leis na labhair e riu. Thug iad a nis misneach ga cheile, agus ga b’e fear dhiubh air an d-thigeadh fulang, gur e a b’ fhearr cuid deth; uime sin bha iad gu diomhair a’ guidh gach fear dhiubh gum b’e fein a chuirte gu bàs. Ach air dhoibh iad fein a làn earbsa ri Riaghlair nan uile nithe, dh’ fhuirich iad gu toilichte mar bha iad, gus am faiceadh iad. Air do ùine shònrucht’ bhi air a h-òrduchadh thug iad a mach iad gu’n deuchainn, chum gun rachadh an dìte. B’e ainm a bhreitheamh, Fuath-do-mhath: Se bu chùis dhìte dhoibh, Gun robh iad nan naimhdibh, agus a’ cuir dragh air an ceannuidheachd: Gun do thog iad buaireas agus eas-aonachd sa bhaile, agus gun d’ aom iad buidheann a ghabhail am pàirte, a dh’ aindeoin an reachd agus an Uachdarain. An sin thòisich Dìleas ri ràdh, nach robh e fein ach ga dhìon, na aghaidh-san a chuir an aghaidh an Ti is àirde. Agus thuirt e, a thaobh buaireis, cha d’ rinn mi idir e, a chionn gu bheil agam toil do shìth; ’s ann a bha iadsan a bha gabhuil leinn air an aomadh gu sin a dheanamh, le faicinn co neo-chiontach ’s a bha sinn; agus ’sann a chuir iad cùl ris an olc chum cùis is fearr. Agus mu dhéibhinn an righ a tha sibh ag ràdh, o’n is e sin Beelsebub, nàmhuid ar Triath-ne, tha mi ga dhùlanachadh fein agus a chuid aingeal. An sin chaidh gairm fhollaiseach a thoirt, Gun d-thigeadh iadsan aig an robh a bheag ri ràdh an aobhar an tighearn an righ, an aghaidh a phriosunaich a bh’ air beulthaobh a bhreitheamh, air an adhart, chum fianuis a thoirt [TD 80] na aghaidh. Uime sin thainig triuir fhianuisean, Farmad, Saobh-chràbhadh, agus Doichioll. Chaidh fheoraich dhiubh am b’ aithne dhoibh am prìosannach a bh’ aig a mhòd? agus ciod a bh’ aca r’a ràdh na aghaidh, as leth an tighearn an righ? Sheas Farmad suas, agus thuirt e, Le’r cead, ’s aithne dhomhs’ an duine so o chionn ùine mhòr, agus mionnaichidh mi an làthair na cuideachd urramaich so, Gu bheil e,— Breith. Stad, cuir air a mhionnaibh e. Mar so mhionnaich iad e. An sin thuirt e, Ga liobharra tlà an t’ ainm a th’ air, ’se duine is neo-fhiachaile a tha ’n ar tìr; cha ’n ’eil sgoinn aig de Uachdaran no shluagh, lagh no nòs; ach tha e deanamh na dh’ fhaodas e chum barailean mi-dhìleas a chuir an ceann dhaoine, ris a’ bheil easan ag ràdh creidimh agus naomhachd. Agus chuala mi e ag radh aon uair, gun robh an Creidimh Criosduidh, agus gnà ar baile-ne diomhanas, calg-dhireach an aghaidh a cheile. Le shamhuil sin de chainnt, tha e dìteadh gach ni a tha sinn a’ deanamh, agus sinne cuideachd le ’n deanamh. Breith. An sin thuirt am Breitheamh ris, Am bheil tuille agad r’a ràdh? Far. Dh’ fhaodainn mòran tuille a ràdh, ach cha bu mhiann leam moille chumail oirbh, ach ma bhios feum air tuille còmhdaich, ’n uair a chluinneas sibh dearbhadh chàich, mar bi ni ’s leoir na aghaidh chum a chuir fodha, bheir mis am barrachd fianuis na aghaidh. Agus dh’ iarradh air seasamh a leth-taobh. An sin rinn iad guth air Saobh-chrâbhadh, agus thuirt iad ris amharc air a phrìosanach. An sin dh’fheoraich iad deth, ciod a bh’aige ri ràdh as leth an tighearn an righ na aghaidh? Mhionnaich iad e; agus thuirt e. Saobh. A bhreitheamh, Cha’n ’eil mòr eolas agams air an duine so; cha mhò is miann leam am barrachd a bhi agam air. Aon ni is aithne dhomh, gu bheil e na dhuine cunnartach, le beagan cainnt a bh’ agam ris an la’ roimhe; oir chuala mi e ’n sin ag ràdh, gum bu neo-ni ar creidimh-ne, agus nach bu chomasach do dhuine Dia a thoileacha leis. Tha deagh fhios aig do mhòrachd ciod a bhitheas [TD 81] an co’-lorg na cainnte sin, eadhon, gu bheil ar n-aoradh an diomhain, gu bheil sinn fhathast nar peacaibh, agus gum bi sinn air ar dìteadh air a cheann fa dheire: Agus ’se sin na th’ agamsa ri ràdh. An sin mhionnaich iad Doichioll, agus thuirt iad ris na b’ fhiosrach e a ràdh an aghaidh a phrìosanaich, as leth an tighearn an righ. Doich. Is fhad o’n a tha eolas agams’ air an fhear so, agus chuala mi e ag ràdh, nithe nach bu chòir a labhairt: chuala mi e a’ càineadh ar n-Uachdaran urramach Beelsebub, agus labhair e gu tàireil ma chàirdean measail, mar tha, An seann-duine, Sòlas-saoghalta, Sòghhmor, Cion-air-Uaill-dhiomhain, Mi-stuama, agus Gionach, leis a chuid eile d’ ar n-uaislibh: agus thuirt e a bharr air sin, nam biodh gach fear na bheachd-san, gun cuireadh e gach fear dhiubh sud gu tur as a bhaile so. Osbarr, cha robh sgàth air labhairt gu h-olc umad fein, a tha a’ d’ bhreitheamh air, le ràdh nach robh annad ach slaoightire ann-diadhaidh, agus iomad ainm gràineil eile, a bhuilich e mar an ceudna air a chuid is pailte de dh’ uaislibh a bnaile. An uair a chuir Doichioll crioch air a naigheachd, thuirt am Breitheamh ris a phrìosanach, Fhir-àicheadh a chreidimh, a shaobh-chreidich, agus a bhrathadair, an cuala tu na nithe mun do thog na daoin’ uaisle measail ud fianuis a’ d’ aghaidh? Dìl. An cead leat a dheonachadh dhomh comas beagan a labhairt chum mi fein a dhìon. Breith. A dhaormuin leibidich, cha’n aithrigh thu air bhi beo ni’s faide, ach cuir as duit far a’ bheil thu; ach a chum gum faic gach neach ar suairceas dod’ thaobh, leig leinn a chluinntinn na th’ agad ri ràdh. Dìleas. 1. Mar fhreagradh do na labhair Farmad, Cha dubhairt mi riamh ach so, Ge b’e riaghailt no lagh, no gnà, no sluagh, a bha calg-dhireach an aghaidh focail De, an aghaidh na creidimh Criosduidh. Ma thuirt mi gu h-olc sa chùis so, deanamh a mach dhomh e, agus laidhe mi ris. 2. Mu thimchioll na thuirt an dara fianuis, Saobh-chràbhadh, am aghaidh, cha dubhairt mi ach a mhàin so, Gun robh ann an aoradh Dhe creidimh diadhaidh air iarruidh; ach nach fhaod creidimh diadhaidh a bhi as eug’- [TD 82] ais foillseachadh diadhaidh mu thoil De: Uime sin ge b’e ni a tha air fhoirneadh ann an aoradh Dhe, nach ’eil a reir an fhoillseachaidh dhiadhaidh, ’s eigin gur ann le creidimh dhaoin a tha e; agus cha bhi an creidimh sin tarbhach chum na beatha siorruidh. 3, Agus arson na thuirt Doichioll, tha mi ag ràdh gu bheil uachdaran a bhaile so, agus a luchd-coimhideachd gu mòr ni’s iomchuidh air bhi ann an ifrinn no bhi aon chuid sa bhaile so no san tir: Agus gun deonaicheadh Dia dhomh tròcair. Thuirt am breitheamh ris an luchd-deuchainn, a chuala gach ni a chaidh a ràdh, .A dhaoin’ uaisle, tha sibh a’ faicinn an duine so a thog na h-urrad bhuaireis sa bhaile so: Chuala sibh mar an ceudna mar thog na daoine sin fianuis ’na aghaidh: chuala sibh cuideachd na labhair e fein agus an aidmheil a rinn e. ’Sann agaibhs, a nis, a tha e ra dheanamh, a chrochadh, no a shaoradh: ach ’s iomchuidh dhomhsa reachd na tìre a shoilleireachadh dhiubh. Chaidh òrduchadh an laithibh Pharaoih, òglach ar n-uachdarain-ne, air eagal gum fàsadh iadsan aig an robh caochladh aidmheil ris fein, tuille ’s lionmhor arson muinntir na tìre, gun rachadh an clann òg mhac a thilge san abhuinn. Chaidh mar an ceudna, ann an laithibh Nebuchadneseir, fear eile d’a sheirbhisich, òrduchadh, Gun rachadh gach neach nach sleuchdadh sios agus nach deanadh aoradh da ìomhaigh òir, a thilgeadh anns an àmhuinn theinntich. Chaidh a thuilleadh air sin òrduchadh ann an laithibh Dharuis Ga b’e fear a chuireadh suas athchuinge ri Dia sam bith ach ris fein, re tamuill, gun rachadh a thilge do dh’ uaimh nan leomhann. Anis tha sibh a’ faicinn gun do bhris an ceannairceach so bladh nan reachd sin, cha’n ann a mhàin ann an smuain, ach fòs ann an guth agus an deanadas, ni nach faodar fhulang. Ecsod. 1. Daniel iii. iv. A thaobh Pharaoih, bha a reachd-san air a dheanamh chum olc a sheachnadh, a bha eagal air a dh’fhaodadh èiridh dhoibh, ge nach robh coire ri fhaicinn san àm: ach againne tha choire soilleir. A thaobh an dara agus an treas cùis, tha sibh a’ faicinn gu bheil e cuir an aghaidh ar [TD 83] creidimh-ne; agus arson ar-amach an aghaidh ar n-uachdarain, a dh’ aidich e fein, tha e toilltinn a chuir gu bàs. An sin chaidh an luch-deuchainn amach, d’am b’ainm, Beag-math, Mì-run, Leannanach, Cion-faicill, Ceann-laidir, Ardan, Naimhdeil, Breugaire, An-iochdmhor, Fuath-do-sholus, agus Do-réiteachaidh; a thug gu h-aon-sgeulach am breith na aghaidh eatorra fein, agus shònraich iad uile gum fàgadh iad ciontach e am fianuis a bhreitheamh. Thuirt Doille, riaghlair an luchd-deuchainn, tha mi faicinn gu soilleir gur saobh-chreideach an duine so, thuirt Beag-math, Cuiribh as da, Cuiridh, arsa Mi-run, oir ’s beag orm amharc air. An sin thuirt Leannanach, Cha bu toigh leam riamh e. Thachair sin domh, arsa Cion-faicill, oir bu bheag air mo ghnàthachadh. Crochar e, arsa Ceann-laidir. Cha’n fhiu e, arsa Ardan. Tha fuath mòr agam dha, arsa Naimhdeil. Cha’n ’eil ann ach slaoightire, arsa Breugaire. Tha chrochadh tuille ’s math dha, ars’ An-iochd’or. Cuireamaid as an rathad e, arsa Fuath-do-sholus. An sin thuirt Do-réiteachaidh, Ged a gheibhinn an cruinne mu’n iadh a ghrian, cha b’ urrainn domh réit’ a dheanamh ris; uime sin thugamaid a stigh ciontach e. Agus rinn iad mar sin; uime sin dh’òrduich iad a thoirt chum an àit as an d’thainig e, agus an sin a chuir gu bàs air an doigh bu chràitich a b’ urrainn doibh a smaoineachadh. Uime sin thug iad a mach e, chum a chuir gu bàs; agus sgiùrs’ iad an toiseach e: an sin bhuail iad e; lot iad an sin e le sgionaibh; chlach iad e an diaigh sin, agus lot iad e le’n claidheannaibh: agus ma dheire loisg iad e gu luaithre. A Fhlath Dhìleis, treun an guth ’san gniomh! An àite buaidh a thoirt orts’, nochd t’eas-cairdean an giomh. ’Sam miosguin mhòr; oir ’n uair gheibh iadsan bàs, Bithidh tusa beo a chaoidh an rioghachd nan gràs. A nis chunnaic mi gun robh air cùlaobh a mhòr-shluaigh, carbad agus càraid each a’ feitheamh gu Dìleas a thabhairt leo, co luath ’sa chuireadh a naimhdean gu bàs e, agus chaidh a thogail suas troi na neoil le fuaim trompaid, do nèamh. Ach chaidh dâil a chuir ann am peanas a dheanamh air Criosduidh, agus òrduchadh air ais do’n ghainntir, far an [TD 84] do bhuanaich e re seal; ach thug an ti sin a tha riaghladh gach aon ni maolachadh air an corruich, agus thàr Criosduidh uapa, agus dh’imich e air a thurus. Agus am feadh a bha e air an astar sheinn e, O! Dhìleis àigh, is fìrinneach a rinn Thu t’aidmheil chumail suas, Do d’ Dhia; is uime sin is baoisgeil Dealrach dhuitse do dhuais. An uair a bhitheas daoine neo-dhileas A’ caoidh ’an dòlas cruaidh; Oir ged air leo a mharbh iad thu, ’S ro àrd air neamh do bhuaidh. A nis chunnaic mi ann am aisling, nach d’fhalbh Criosdduidh na aonar; oir bha fear d’am b’ ainm Ciatach, a thug fainear giulan Chriosduidh agus Dhìleis mar dh’fhuiling iad air an fhéill, a dh’fhalbh leis, agns a dh’inndrinn ann an co-bhoinn bhrâithreil ris gum biodh e na chombanach dha. Mar so bhàsaich fear na fhianuis air an fhirinn, agus dh’ eirich fear eile suas na àite gu bhi na cho’-fhear turuis aig Criosduidh. Dh’innis Ciatach do Chriosduidh gun robh ioma fear eil’ a bh’air a mhargadh a thigeadh ri ùine nan dèigh. Agus chunnaic mi co luath ’s a dh’fhàg iad an fhéill, gu’n d’-thainig iad suas ri fear, a bh’air thoiseach orra, d’am b’ainm Cealgach; agus thuirt iad ris, Co’s dùthaich dhuit, a dhuine, agus c’àit a ruigeas tu mar so? Thuirt e riu gun d-thainig o bhaile Cainnt-bhlasda, agus gun robh e dol chum a bhaile neamhuidh; ach cha d’innis e ainm. O Chainnt-bhlasda, arsa Criosduidh; am bheil aon mhath san âite sin? Gnàth. xxvi. 25. Cealg. Tha dòchas agam gu bheil, arsa Cealgach. Criosd. An cead leat t’ainm innse dhomh? Cealg. Is coigreach dhuitse mi, agus tha thusa mar sin domhsa: ma ghabhas sibh an rathad so, bithidh mi deonach a bhi ’nar cuideachd; ach mar gabh, cha bhi comas air. Criosd. Chuala mi iomradh air baile na Cainnt-bhlasda, arsa Criosduidh, agus m’as math mo chuimhne gun dubhairt iad gum b’àite saibhir e. [TD 85] Cealg, ’Se sin a th’ ann; agus tha ioma caraid saibhir agams anns an âite. Criosd. Mar mí-mhodhail ri fheoraich e, cò iad do châirdean san àite sin? Cealg. Cha mhòr nach buin na tha sa bhaile dhomh; gu h-araidh, Fear-cuir-m’an-cuairt, Fear-a-réir-an-àm, Fear-cainnt-bhlasda, o’n d-thainig ainm a bhaile, Fear-ciùin, Fear-bior-shuileach, Fear-a-bhi-deonach, agus tha ministeir na sgìreachd, Fear-leam-leat, na bhràthair-màthar dhomh: agus a dheanamh na firinn duitse, tha mi fein am dhuin’ uasal tàbhachdach, ge nach robh mo shean-athair ach na phort-fhear, a’ sealltuinn aon rathad agus ag iomram rathad eile, agus fhuair mi fhein a chuid is pailte de m’ mhaoin ris a cheird cheudna. Criosd. Am bheil thu pòsda? Cealg. Tha mi, agus tha mo bhean na boirionnach deagh-bheusach, nighean mnà còire: ’s i nighean Ban-tighearn-cuir-am-fiachaibh i: air an aobhar sin thainig i o theaghlach urramach, agus tha i co modhail shuairce ’s gur aithne dhi i fein a ghiulan an cuideachda righ, no idir diol-déirce. Tha sinn ag eadar-dhealachadh beagan nar creidimh o’n mhuinntir is ro-thinne, gu h-àraidh ann an da ni bheag. ’Se cheud ni, Nach cuir sinn idir an aghaidh sruth agus soirbheis. An dara ni, ’S ann is ro-éudmhoire sinne ’n uair a shoirbhichear gu math le’r creidimh: ’s toigh leinn a chleachda ma shoillsicheas a ghrian air, agus gum mol am mòr-shluagh e. An sin chaidh Criosduidh a leth-taobh far an robh Ciatach, agus thuirt e ris, tha mi smaoineacha gur e so Cealgach o bhaile Cainnt-bhlasda: agus m’as e so e, tha againn ’nar cuideachd cealgair co mòr ’s a tha ’s dùthaich. Thuirt Ciatach ris, fiosraich ainm dheth; saoilidh mi nach còir dha nâir a ghabhail as ainm. Le so a râdh chaidh Criosduidh d’a ionnsnidh a rìs, agus thuirt e ris, Tha thu labhairt mar gum b’aithne dhuit tuille no ’s aithne do’n t’saoghal uile; agus m’as math m’ aithne, tha mi meas gur tu Cealgach o bhaile na Cainnt-bhlasda. Cealg. Cha ’n e sin m’ ainm: ach thog cuid de dhaoinibh nach b’urrainn m’fhulang orm mar fhar-ainm e, agus [TD 86] ’s eigin domh giulan leis mar sgainneil, mar ghiulain daoine math eile romham le ’n sgainneil fein. Criosd. Ach an d-thug thu riamh cionfath do dhaoinibh an t’ainm sin a ràdh riut? Cealg. Cha d-thug riamh! ’Se ’n ni is mò a rinn mi riamh a thoilltinn an ainm, gun robh mi do ghnâ co fortanach ’s gum biodh mo bharail a réir gnà nan amannuibh a bhiodh ann, ciod sam bi iad, agus bha sin na bhuannachd dhomh; ach ma thilgeas iad nithe mar sin orm, is còir dhomh am meas nam beannachadh: ach na cuireadh am mi-runach sgainneil as mo leth. Criosd. Bha mi gun amharus ann am barail gum bu tus’ am fuar a chuala mi uime, agus tha mi a’ ’smaoineach gu bheil an t-ainm so ni’s freagarraiche dhuit na is math leat a nochda dhuinne. Cealg. Ma bhitheas sibhse sa bharail sin, cha ’n ’eil àrach agams air: Tuigidh sibh gum bi mi am dheagh chombanach, ma ghabhas sibh a stigh ’nar cuideachda mi. Criosd. Ma theid thu maille ruinne, ’s eigin duit dol an aghaidh sruth agus soirbheis, ni a tha mi tuigsinn a tha ’n aghaidh do thoile. ’Seigin duit cuideachd diadhachd aideachadh fo dhìmeas co math ris an uair sam buadhair’ e: agus gabhail leis ’an geimhlibh, co math ’s an uair a bhitheas e gu h-uallach follaiseach a’ falbh na srâide. Cealg. Cha’n fhaod sibh an cothrom a ghabhail orm, no mo chreidimh a chuibhreachadh; fàgaibh gum thoil fein mi, agus ceadaichibh dhomh imeachd maille ribh. Criosd. Cha d-theid thu aon cheum ni’s faide, mar dean thu mar ni sinne. An sin thuirt Cealgach, cha tréig mi am feasd mo sheana chleachdanna, o’n a tha iad neo-lochdach agus tarbhach. Mar faod mi imeachd leibhse, feumaidh mi deanamh mar rinn mi mun do thachair mi oirbh, falbh leam fein, gus an tachair cuideigin rium, leis an taitneach mo chuideachda. An sin chunnaic mi am aisling gun do thréig Criosduidh agus Ciatach e, agus gun d’fhuirich iad uaithe: ach sùil gan d-thug fear dhiubh na dhiaigh, chunnaic e triùir dhaoine leantuinn Chealgaich: agus ’n uair a thainig iad [TD 87] suas ris, rinn e ùmhlachd dhoibh; agus chuir iadsan fàilt air-san cuideachd. B’e ainm nan daoine, Curam-an-t-saoghail, Gaol-air-airgiod, agus Gleidh-gu-buileach; daoine a b’aithne do Chealgach roimhe; oir an aois an òige bha iad ’san aon ionad-fhoghluim, agus se Gramaich-ris ann an Gaol-air-buannachd a b’ oid-ionnsuich dhoibh, ann am baile margaidh san tìr-shanntaich. Theagaisg am Maighstir-sgoile so dhoibh an doigh air ni fhaotainn le foirneart, le mealladh, le miodal, le breugan, no fo sgèimh creidimh; agus dh’ fhoghlum e a cheathrar dhaoine sin co iomlan ’s gum faodadh gach fear dhiubh e fein a bhi na mhaighstir-sgoile air an teagasg sin. Agus mar thuirt mi, ’n uair a chuir iad fàilt air a chéile, thuirt Gaol-air-airgiod ri Cealgach, cò iad na daoine sin a tha romhainn? oir bha Criosduidh agus Ciatach fhathast nan sealladh. Cealg. Is dithis o thìr chéin a th’ann, a tha a réir an doigh fein, ag imeachd air oilthireachd. Gaol. Mo thruaighe! c’arson nach d’fhuirich iad agus gum bitheamaid nan deagh-chuideachd-san! oir tha sinn uil’, tha dòchas agam, air an aon ghnothach? Cealg. Tha sinn gun amharus; ach tha na fir so romhainn co geur-theann, agus co fada nam beachd fein, agus co neo-mheasail mu bharail chàich, air chor ’s air a dhiadhuidhead ’s gam bi duine, mar gabh e leo-san anns gach ni, cuiridh iad as an cuideachd e. Gleidh. Is olc sin; ach tha sinn a’leughadh mu chuid a tha tuille ’s diadhaidh, agus tha geur-chruas nan daoine sin, a’toirt orra gach neach nach bi mar tha iad fein, a dhìteadh. Ach guidheam ort innis duinn cia lion, agus ciod iad na nithe mun d-thainig eadaruibh? Cealg. Air leo-san. a réir am barail cheann-laidir fein, gur e an dleasnas imeachd air an turus ge b’e sìd a bhitheas ann, agus bha mise deonach fuireach gus am biodh sruth agus soirbheas leam. Tha iadsan a’ cuir gach ni an cunnart arson Dhe air ball, tha mise toileach gach fàth a ghabhail chum mo bheatha agus m’ oighreachd a dheanamh cinnteach. Tha iadsan deonach am barailean fein a choimhead ged a bhiodh gach neach eile nan aghaidh; ach tha mis arson diadhachd co fad sa cheadaicheas na h-amanna [TD 88] agus mo thearuinteachd fein dhomh. Tha iadsan air son diadhachd ’nuair, bhitheas e fo mhi-mheas, ach ’sann a tha mis air a shon an àm buannachd, ann an soirbheachadh, agus an àm measail. Cùram. Fuirich thusa san aidmheil sin, a Chealgaich: air mo shon fein deth, cha mheas mi ach mar amadan fear a dh’fhaodas a chuid a ghleidheadh, agus nach dean e. Bitheamaid glic mar nathruichean. Is feumail am feur a chaoineacha ris a ghréin. Chi sibh mar dh’fhanas an seillein fo dhìon fad a gheamhruidh, agus cha ghluais e gus an d-thig an t-àm sam bi buannachd agus toil-inntinn aige. Tha Dia air uairibh a’ cuir uisge ann, agus air uairibh eile a’ cuir tiormachd agus dealradh na grèin’ ann: Ma bhios iadsan nan amadain co mòr ’s gun imich iad ri doinionn, rachamaid a mhain air ar n-aghaidh ri deagh shìd. Air mo shon fein deth, ’se’n creidimh is annsadh leam, abhuanaicheas nithe maithe Dhe dhuinn. Oir co a dh’fhaodas a smaoineachadh, a tha air a stiuradh le riasun, o’n a bhuilich Dia nithe math na beatha so oirn, nach bu ghean-math leis gu’n coimheadamaid iad air a sgàth-san: Dh’fhas Abraham agus Solamh saibhir ann an diadhachd: agus tha Iob ag ràdh gun taisg duine math suas òr mar dhuslach. Ach cha bhi e mar na daoine so romhainn, ma tha iad mar tha thus ag ràdh. Gleidh. Tha mi tuigsinn gu bheil sinn uile san aon bheachd mun chùis so, agus cha ’n ion duibh tuille ràdh mu thimchioll. Gaol. Cha ’n ’eil feum tuille ràdh uime gun ag: oir an neach nach creid aon chuid focal De no a riasun fein, agus tha iad le chéile againne, cha’n aithne dha a shaorsadh fein, cha mhò a tha e’giarraidh a thearuinteachd fein. Cealg. Mo bhràithre, tha sinn uile triall air ar turus; ’s a chum droch nithe a chumail as ar caramh, ceadaichibh dhomh a cheist so a chur: Abraibh gu bheil aig duine, ministeir, no fear-ceairde, &c. cothrom air a chor a leasachadh, chum nithe math na beatha so fhaotuinn, ach nach comasach dha ruigheachd air, gun a bhi, ge nach bi e ach air sgàth sgeimh, anabharra eudmhor agus cràbhach, mu phonncaibh creidimh nach do mhìnicheadh roimhe; nach faod e na meadhona [TD 89] sin a ghnàthachadh chum ruigheachd air na th’ aige san amharc, agus air a shon sin a bhi na dhuine ceart agus ìonraic? Gràdh. Is leur dhomh ceann thall do cheiste; agus le cead nan daoin’ uaisle so bheir mi oirp air a freagradh. Agus air tùs, chum labhairt mun chùis, direach mar fhreagradh o do mhinisteir fein: Abair gu bheil e na dhuine còir, nach ’eil a bheathachadh ach beag, agus gu bheil beathachadh gu mòr is fearr aige san amharc: tha cothrom aig a nis air fhaotainn, ach mam faigh se e, ’s eigin da a bhi ni’s saoithreachail air fein, searmonachadh ni’s tric agus ni’s dùrachdaiche; agus, chum a luchd-éisdeachd a thoileachadh, ’s feumail da caileigin de mhùghadh a dheanamh ’na chreidimh: Air mo shon fein, cha leur dhomh nach faod duine so a dheanamh, ma bhios e na thairgse, seadh agus tuille ’s e, agus gidheadh a bhi na dhuine ceart cuideachd: Arson, 1. Gu bheil a dhéigh air a bheathachadh sin laghail, o’n a chuir am freasdal na thairgse e; uime sin faodaidh e fhaotainn m’as urrainn da, gun e bhi an aghaidh a choguis. 2. Osbarr, tha a thoil do’n bheathachadh sin ga dheanamh na shearmonaiche saoithreachail, agus ni’s dùrachdaiche, &c. agus leis a sin tha e ga dheanamh na dhuine ni’s fearr, a’ meudachadh eolais, ni a tha taitneach le Dia. 3. Tha e ghéilleadh do thoil a shluaigh ann an cuid de phonncaibh creidimh a thréigsinn, a’ nochda, 1. Gu bheil e na ghnè comasach air fein-àicheadh. 2. Gu bheil e na ghiulan gu h-aoidheil grinn: 3. Agus leis a sin, ni’s fior iomchuidh air dreuchd fir-teagaisg. 4. Tha mi uime sin a’meas nach bu chòir pears-eagluis, a dh’fhàgadh beathachadh arson aon a b’fhearr, a mheas sanntach, ach, le sin a dheanamh gun d’fhàs e fein ni b’fhearr agus ni bu dìchiollaiche, ’s gur ann a tha e gabhail a chothrom a fhuair e chum math a dheanamh. Agus mu thimchioll an fhir-cheird mun do labhair thu: Abair nach ’eil e faighinn ach beag r’a dheanamh, ach le e dh’fhàs diadhaidh, tha na chomas a chor a leasachadh, theagamh le bean bheartach fhaotainn, no muinntir is inbhiche chum roinn ris; cha’n fhaic mi nach ’eil so ceadaichte dha a dheanamh. Arson, [TD 90] 1. Gur deagh-bheus duine dh’fhàs ni’s diadhaidh, ge b’e sam bith doigh air am fàs e ann. 2. Cha mhò tha e mi-laghail domh bean shaibhir fhaotainn, no idir mo roinn a mheudachadh. 3. Os barr, tha’m fear a gheibh iad sin le fàs diadhaidh, a faghail an ni tha math uathasan a tha crabhach, le e fein a dh’ fhàs math: Leis a sin, tha ’n so bean shaibhir, roinn fharsuing, agus buannachd mhòr air am faotainn le fàs diadhaidh, a tha na ghnothach math. Air an aobhar sin tha fàs diadhaidh, a dh’ fhaotainn gach ni dhiubh sin, na rùn math agus tarbhach. Chliuthaich iad uile mar mhìnich e a cheist; agus dh’ aidich iad gun robh e a reir teagaisg fhallain agus buannachd. Agus a chionn, air leo-san, nach b’urrainn aon neach cuir na aghaidh, ’s gun robh Criosduidh agus Ciatach mar fhad glaoidh dhoibh, shocraich iad gun cuireadh iad a cheist orra, co luath ’s a thigeadh iad suas riu; gu h-àraidh a chionn gun do chuir iad an aghaidh Chealgaich roimhe. Mar so ghairm iad orra, agus sheas iad gus an d-thainig iad. Agus mar bha iad a’ ruigheachd chuir iad rompa nach e Cealgach a chuireadh a cheist, ach seana Chùram-an-t’Saoghail, a chionn nam beachd-san, gum biodh iarmad de’n t-seana ghamhlas a bh’ eatorra a lathair ris-san. Mar so thainig iad an caramh a chéile, agus an deigh fàilte ghearr, chuir Cùram-an-t-Saoghail a cheist air Criosduidh agus air a chómbanach, agus dh’ asluich e dhoibh a freagradh nam b’ urrainn iad. Criosd. An sin thuirt Criosduidh, dh’ fhaodadh leanamh ann an diadhachd mìle leithid na ceiste sin a fhreagradh. Oir mar ’eil e ceadaichte Criosd a leantainn air ghaol nam buileannan, mar chi sibh ann an Eoin vi. cia mòr is graineile na sin meadhon a dheanamh dheth fein agus d’a dhiadhachd chum saibhreas fhaghail, agus a mhealltuinn? agus chi sinn nach ’eil ach neo-chreidich, cealgoirean, deamhain, agus buitsichean sa bheachd so. 1. Neo-chreidich; oir an uair a bha deigh aig Hamor agus aig Sechem air nighean agus air spréidh Iacoib, ’s a chunnaic iad nach robh seol doibh air ruigheachd orra, ach le bhi air an timchioll-ghearradh, thuirt iad r’an [TD 91] combanaich, ma thimchioll-ghearrar gach firionnach againne, nach leinn fein an sin gach seilbh, maoin, agus beathach a th’ aca? B’ iad an ingheana agus an spréidh a b’àill leo fhaotainn, agus b’e diadhachd am meadhon a ghnàthaich iad chum am faotainn, mar chi sibh, Gein. xxiv. 20,—24. 2. B’e so creidimh a bh’ aig na Pharasaich chealgach cuideachd. B’ iad ùrnuighean fada an sgèimh; ach b’e tighean bhantrach a shlad a bha nam beachd; agus b’e ’n dìteadh bu mhò bu luigheachd dhoibh o Dhia. Luc. xx. 46, 47. 3. B’e so mar an ceudna an creidimh a bh’ aig Iudas an droch-spiorad; bha e diadhaidh chum an sporan a bhi aige, chum gum faigheadh e na bh’ ann; ach bha e air a chall, air a thilge air falbh, agus na oighre air leir-sgrios. 4. B’e so creidimh a bh’ aig Sioman am fiosaiche cuideachd; oir b’àill leis an Spiorad Naomh fhaotainn chum gum faigheadh e airgiod air a shon; agus bha a bhinn o bheul Pheadair ga réir sin. Gniomh. viii. 19,—22. 5. Cha mhò a shaoileas mi, am fear a ghabhas creidimh an t-saoghail, nach cuir e cùl ri creidimh arson an t-saoghail; oir ceart co cinnteach ’s a bha mhiann air Iudas an saoghal fhaotainn le fàs diadhaidh, is ni co cinnteach gun do reic e a mhaighstir agus diadhachd arson an ni cheudna. Agus tha a cheist a fhreagradh a réir r’ar beachdsa, mi-chreideach, cealgach, agus malluichte, agus bithidh ur duais a réir ur n-oibribh. An sin sheas iad a’ dùr-amharc air a chéile, gun fhocal ri ràdh aig fear seach fear dhiubh. Thaitinn e gu sar-mhath ri Ciatach mar fhreagair Criosduidh iad, agus bha tosd mòr nam measg. Rinn Cealgach agus a chuideachd a bha leis moille, agus tharraing iad gu deireadh, chum gum faodadh Criosduidh agus Ciatach am fàgail. An sin thuirt Criosduidh r’a chombanach, mar urrainn na daoine sin seasamh am fianuis dhaoine, ciod a ni iad ’n uair a bheir Dia breth orra? Agus ma tha iad nan tosd le co’-riasunachadh an leth-bhreac fein, ciod a ni iad ’n uair a bheir lasraichean dian loisgeach an teine shiorruidh achmhasan doibh. An sin dh’ fhàg Criosduidh agus Ciatach a rithist iad, [TD 92] agus dh imich iad air an aghaidh gus an d-thainig iad réilean còmhnard, d’ an goirear Socair, far an do choisich iad gu fior thaitneach; ach cha robh an còmhnard sin ach aimhlein, agus chaidh iad thairis air ann an ùine ghearr. Ach bha aig ceann thall a chòmhnaird ud tulaich bheag ris an abrar Tairbhe, agus anns an tulaich sin bha mèin-airgid, a chaidh cuid do na dh’imich rompa-san, a dh’fhaicinn a thaobh iongantais; ach air dhoibh dol tuille ’s dlù air beul an t-sluichd, agus an talamh a bhi fàs fòdhpa, ghéill e, agus leis an leagadh chuireadh as doibh: chaidh cuid diubh a dhochann co mòr leis mar thuit iad ’s nach robh iad riamh tuille ceart. An sin chunnaic mi am aisling, gun robh beagan bh’ arr an rathaid, fa chomhair na méin-airgid, Demas na sheasamh a’ furan luchd ghabhail an rathaid teachd ga faicinn; a thuirt ri Criosduidh agus r’a chombanach, Ho! thigibh an so, agus nochdaidh mise dhuibh iongantas. Criosd. Ciod an ni a th’ann is fiu dhuinn dol as an t-slighe ga fhaicinn? Demas. Tha ’n so méin-airgid, agus tha daoine ga cladhachadh a dh’fhaighinn saibhreis; ma thig sibhse, faodaidh sibh le beagan dragha, am pailteas fhaotainn. Ciat. An sin thuirt Ciatach, Rachamaid a dh’fhaicinn. Criosd. Cha d-theid idir, arsa Criosduidh, chuala mi roimhe mu’n àite so, agus a choilion aon a chaidh gu bàs ann; tha an saibhreas sin na rioba dhoibh-san a tha ga iarruidh; oir tha e gam baca nan turus. An sin thuirt Criosduidh ri Demas, Nach ’eil an t-àite cunnartach? Nach do chuir e bacadh air mòran nan turus? Demas. Cha ’n ’eil e ro-chunnartach, ach dhoibhsan a bhios neo-chùramach; ach ’s ann le caileigin de dh’ ag a thuirt e so. Croisd. An sin thuirt Criosduidh ri Ciatach. Na rachmaid ceum ann; ach cumamaid air an t-slighe. Ciat. Ach geallaidh mise dhuit ma gheibh Cealgach an cuire ceudna a fhuair sinne gun d-théid e ann. Hos. iv. 18. Criosd. Cha ’n ’eil teagamh agam: oir tha a thogradh a dh’ ionnsuidh sin; agus ’s math an rath dha mar bàsaich e ann. Demas. An sin ghlaodh Demas a rìs, ag ràdh, Ach nach d’thig sibh a dh’fhaicinn? [TD 93] Criosd. An sin thuirt Criosduidh as an aodann ris, O Dhemais! tha thu ad eas-caraid do shlighe Triath na slighe so, agus chaidh do dhìte cheana le aon de bhreitheamh an Righ, a chionn gun deachaidh tu fein a thaoibh, 2 Tim. iv. 10. agus c’arson a dh’iarras tu sinne a tharruing do’n dìte cheudna? A bharr air sin, ma theid sinn idir as an t-slighe cluinnidh ar Tighearn an Righ uime, agus cuiridh e gu nàire sinn, far am faodamaid seasamh le dànachd na fhianais. Ghlaodh Demas a rìs, Gu’m b’ann d’an comunn fein easan; agus nan deanadh iad moille bheag, gum falbhadh e maille riu. Criosd. Ciod is ainm dhuit? Nach e t’ainm a ghlaodh mi riut? Demas. ’S e,’s e m’ainm Demas, Is mac do Abraham mi. Criosd. ’S aithne dhomh thu; b’e Gehasi do shean-athair, agua Iudas t-athair, agus ghluais thu nan cois-cheumaibh; is olc an cleas a tha thu deanamh; chaidh t-athair a chrochadh a chionn e bhi na bhrathadoir, agus tha thu fein a’ toilltinn a pheanais cheudna. Bi cinnteach ’n uair a thig sinne dh’ionnsuidh an Righ, gun innis sinn dà mu d’ ghnàthachadh. Le so a ràdh dh’imich iad rompa. 2 Righ. v. 20. Mat. xxvii. 14, 15. agus xxvii. 1—6. Mun àm so, thainig Cealgach agus a chombanaich san fhradharc, agus chaidh iad far an robh Demas air a cheud smèide. Ach co dhiubh a thuit iad san t-slochd le bhi sealltuinn th’ar a bhruaich, no chaidh iad sìos a chladhachadh, no ’sann a chuir mi-fhallaineachd an àile a bha’n ìochdar an t-sluichd as doibh; cha b’ urrainn domh a thuigsinn, ach cha’n fhacas tuille iad air an t-slighe. Chunnaic mi gun d-thainig na h-oilthirich gu taobh thall a chòmhnaird, far an robh seana charradh na sheasamh laimh ris an t-slighe, agus bha ìoghnadh orra ra choslas; oir air leo gun robh e cosmhuil ri boirionnach air a cruth-atharrachadh gu dealbh carradh: sheas iad a’ beachdachadh air re ùine mhòr, ach cha robh iad a’ tuigsinn ciod a bh’ann. Ach ma dheire thug Ciatach an aire do sgriobhadh a bh’air a cheann, ann an sgrìobhadh deacair r’a leughadh; ach do bhrigh nach robh e air fhoghlum, [TD 94] ghairm e Criosduidh, a dh’fhaicinn an tùradh e ciod a bh’ann; agus an uair a chuir e na focail an tàdh a chéile, rinn e mach gur e bh’ann, Cuimhnich Bean Lot. Agus leugh e ga cho-fhear-turuis e; agus thug iad fainear gur e bh’ann an carradh salainn chum an d’atharraicheadh bean Lot, a chionn i dh’amharc na déigh le cridhe sanndach, ’n uair a bha i teicheadh o Shodom chum bhi tearuinte. Thug an sealladh iongantach so cionfath dhoibh gu labhairt mar so, Gein. xix. 26. Criosd. Och a bhràthair! Is sealladh feumail so: is freagarrach a chuireadh oirn e an diaigh an fhurain a bh’aig Demas oirn gu teachd chum cnocan na Tairbhe; agus nan rachamaid ann, mar dhiarr easan, agus a bha thusa deonach, bu cheart-bhreitheach gum bitheamaid air cho’-dìol ris a mhnaoi so, chum a bhi ’nar ball-amhairc acasan a thigeadh ’nar déigh. Ciat. Tha mi deacair gun robh mi co amaideach, agus tha ìoghnadh orm nach do thachair dhomh mar dh’éirich do mhnaoi Lot; oir ciod an t-eadar-dhealachadh a bha eadar ise agus mise? Cha d’rinn ise ach amharc na déigh, agus bha mise toileach dol a dh’fhaicinn; gun robh gràs air a chliuthachadh, agus nàir ormsa, a chionn gun do smaoinich mi air ann am chridhe. Criosd. Gabhamaid beachd air na tha sinn a faicinn an so chum ar buannachd san àm ri teachd. Chaidh a bhean so as saor e aon bhreitheanas, oir cha do thuit i ann an leir-sgrios Shodoim; gidheadh chaidh a milleadh air sheol eile; mar tha sinn a’faicinn, gun d’fhàs i na carradh salainn. Ciat. Tha sin fior; agus ’s còir dhi sinne chuir air ar faicill, chum gun seachain sinn a cionta, mun d-thig a leithid de bhreitheanas oirn. ’S amhuil a rinneadh air Corah, Datan, agus Abiram, maille ris an dà cheud agus an leth-cheud fear a chaidh a sgrios nam peacadh, nan comharradh agus nan samhladh chum daoin’ a chuir air am faicill. Aireamh. xxvi. 9, 10. Ach tha aon ni a’ cuir ìoghnadh orm, agus ’se so e, cionnas is urrainn Deamas agus a chombanaich seasamh an sud co neo-umhailleach a’ dh’iarruidh an ionmhais ud, arson an d’rinneadh a bhean so na carradh salainn, ga nach d’rinn i [TD 95] ach amhare na déigh, gun dol aon cheum as an t-slighe; gu h-àraidh o’n a chuir am breitheanas a thainig orraise, suas i mar chomharradh nam fradharc far a’ bheil iad; oir nan togadh iad an sùilean cha b’ urra dhoibh gun a faicinn. Criosd. Is cùis iongantach e da rìreadh, agus tha e a leige ris gu bheil an cridheachan air cruadhacha san olc: agus cha’n urrainn domh an coimeas ri aon ni is cosmhuile riusan a ghoideas ann an làthair a bhreitheamh, no a ni meirleadh aig bun na croiche. Tha e air a ràdh mu mhuinntir Shodoim gun robh iad nam peacaich ro-mhòr, Gein. xiii. 13. a chionn gun do pheacaich iad am fianuis an Tighearna, a dh’aindeoin gach caoimhneas a rinn e dhoibh; oir bha fearann Shodoim mar ghàradh Eden roimhe so, rann. 10. Bhrosnuich so e ni bu mhò gu eud, agus rinn e an cràdh co dian ’sa dh’ fhaodadh teine teas chorruich an Tighearn o neamh a dheanamh. Agus faodar a bharalachadh gun d-thig na breitheanais is cràitich orrasan, a pheacaicheas am fianuis eisimpleir co soilleir ’s a tha acasan. Ciat. ’S cinnteach gun dubhairt thu’n fhirinn; ach nach tròcaireach an gnothach nach ’eil thusa, ach gu h-àraidh mise, air mo chuir suas san àite so mar chuimhneachan! Tha so a’ toirt aobhair dhuinn buidheachas a thoirt do Dhia, eagal a bhi oirn roimhe, agus bean Lot a chumail do ghnà ’nar cuimhne. Chunnaic mi an sin gun d’imich iad air an turus gus an d’thainig iad abhuinn ro-thaitneach, ris a’ bheil righ Daibhidh ag ràdh abhuinn Dhe, Salm. lxv. 9. ach ris a’ bheil Eoin ag ràdh abhuinn uisge na beatha. Bha’n rathad a nis ri fior thaobh an uisge so. Dh’ imich iad araon san t-slighe so le mòr thlachd: dh’ òl iad as an abhuinn, bha e blasda, agus thug e beothachadh mòr dhoibh, oir bha iad gu fann sgìth: agus a bharr air sin bha air gach taobh de’n abhuinn, craobhan cùbhraidh fo làn mheas: bha fòs an duilleach na ìocshlaint air gach eucail a bhiodh nan caramh. Bha mar an ceudna àilein air gach taobh de’n abhuinn a bha gu ciatach air a bhreacadh le lilidhibh: agus bha e uaine fad na bliadhna. Air an àilein so luidh iad sios agus choidil iad; oir bha iad tearuinte san àite so, Salm xxiii. Isa. xiv. 30. ’N uair a dhùisg iad thionail iad a rìs [TD 96] de thoradh nan craobh, agus dh’òl iad de uisge na h-abhunn, agus a rìs luidh iad sios gu codal. Rinn iad air an doigh so fad iomad là agus oidhche: An sin sheinn iad, Feuch ’s taitneach toirm an t’séimh shruth àigh, Gu sòlas thoirt do luchd-turuis cràidht: Tha ’n t-àilein gorm, ’s am fàile grinn, Gu beathacha thoirt do’n aitim a bha tinn: Tha meas nan craobh, ’s gach cnuasachd bha sa choill. Co anbharr bhlasd’; ’s co aithrigh air an roinn. Agus an uair a mhothaich iad a bhi arson an turuis, dh’ith agus dh’òl iad, agus dh’fhalbh iad. A nis chunnaic mi am aisling, nach deachaidh iad fada gus an do dhealaich an abhunn agus an rathad o cheile, ni a chuir mi-ghean orra; ach cha robh chridh aca dol as an t-slighe. Dh’fhàs an rathad garbh docair ’n uair a thàr e o thaobh na h-aibhne, agus bha’n cosan goirt le fhad ’sa thainig iad; agus bha’n anam fo mhi-mhisnich air an t-slighe, Air. xxi. 4. Agus bha iad a’guidhe arson rathad a b’ fhearr. Bha tamull beag rompa air taobh clì na slighe, còmhnard boidheach, agus cachalaidh gu dol a steach ann, agus se is ainm do’n chòmhnard sin, Còmhnard an fhrith-rathaid. An sin thuirt Criosduidh r’a chombanach, ma tha ’n còmhnard so a’ leantuinn ri taobh na slighe, rachamaid a stigh ann. Chaidh e dh’ fhaicinn, agus feuch bha cois-cheum goirid o’n rathad-mhòr air taobh eile a ghàraidh. Tha e dìreach mar mo mhiann, arsa Criosduidh; sann air so is usa imeachd; thig a dheagh Chiataich, agus rachamaid ann. Ciat. Ach ciod ma bheir am frith-rathad so sinn bh’arr an rathaid? Criosd. Cha saoil mi gun tabhair, arsa Criosduidh: faic, mar tha e dìreach ri taobh na slighe? Mar so dh’aomadh Ciatach gu gabhail leis, agus chaidh e na dhiaigh a stigh air a bhealach, ’N uair a chaidh iad thairis, agus iad air a chois-cheum, mhothaich iad gur e bu shochdraiche d’an cosaibh; agus air amharc rompa, chunnaic iad fear air thoiseach orra d’am b’ainm Faoin-dhànachd: Ghairm iad air agus dh’fheoraich iad deth, c’àit a bheireadh an rathad so iad? Thuirt e riu, chum geata [TD 97] fhlaitheis. Nach dubhairt mi sin riut, arsa Criosduidh? Le so faodaidh tu fhaicinn gu bheil sinn ceart; mar so lean iad e, agus dh’ imich easan rompa, Ach feuch thainig an oidhche orra, agus dh’fhàs i co dorcha ’s gun do chaill iad sealladh air an fhear a bh’air thoiseach orra. Bha’n oidhche co dorcha ’s nach bu leur do dh’ Fhaoin-dhànachd an t-slighe, ionnas gun do thuit e ann an slochd domhainn, Isa. ix. 16. a chaidh a chladhachadh a dh’aon obair le uachdaran an fhearainn sin, chum amadain-dhòchasach a ghlacadh ann, agus chaidh e na sgeineamhagan leis an leagadh. Chuala Criosduidh agus a chòmbanach e tuiteam; agus ghlaodh iad ris ciod a dh’èirich dha, agus dha d’ thug e freagradh dhoibh, ach chual iad e a’ deanamh cruaidh ghearan. An sin thuirt Ciatach, C’àit a’ bheil sinn a nis? Bha Criosduidh na thosd, a chionn gur e bu choireach ri thoirt as an t-slighe; thainig uisge, dealanach, agus tairneanach ro mhor orra; agus dh’ at na h-uisgeachan. An sin rinn Ciatach osann throm agus thuirt e, Och, b’fhearr gun d’fhuirich mi air an t-slighe. Criosd. Cò shaoileadh gun d-thugadh am frith-rathad so as an t-slighe sinn? Ciat. Bha eagal orm uime na cheud thoiseach, agus uime sin thug mi an sanus ciùin so dhuit; agus leiginn ris m’inntinn ni bu shoilleire, ach thug mi urram na h-aoise dhuit. Criosd. A dheagh bhràthair, na biodh mìothlachd ort, ’s duilich leam gun d-thug mi as an t-slighe thu chum na h-urrad chunnairt: guidheam ort a bhràthair, thoir dhomh maitheanas; oir cha b’ann o dhroch rùn a rinn mi e. Ciat. Glac misneach, a charaid, maithe mise dhuit e; agus creididh mi gun tionnda so a mach chum ar math. Criosd. Is caomh leam gun do thachair mi ri caraid co tròcaireach; ach cha’n fhaod sinn fuireach an so; thugamaid oirp gu dol air ar n-ais a rìs. Ciat. Ceadaich dhomhsa toiseach an rathaid a ghabhail. Criosd. Cha leig, m’as e do thoil e, theid mi fein air thoiseach; chum ma bhios cunnart ann, gur h-ann orms [TD 98] a thig e; a chionn gur mi bu chionfath air sinn a theachd as an t-slighe cheart. Ciat. Cha dean mi sin, arsa Ciatach, cha d-theid thus’ air thoiseach: oir tha na h-urrad iomaguin air t-inntinn, ’s gum faod thu dol a rìs air seachran. An sin a thoirt misnich dhoibh, chual iad guth ag ràdh riu, Cuiribh ur cridhe ris an t-slighe; eadhon an t-slighe air an d’imich sibh; pillibh a rìs, Ier. xxxi. 21. Ach bha nis na h-uisgeachan air èiridh, air chor ’s gun robh e ro-chunnartach dhoibh dol air an ais. An sin smaoinich mi gu’m b’usa dol as an t-slighe air am bi sinn, na tighinn ann ’n uair a theid sinn as. Gidheadh ghabh iad de mhisnich oirp a thoirt gu dol air an ais, ach bha e co dorcha agus na h-uisgeachan co àrd, ’s gun do theab iad a bhi bàite iomad uair. Dh ’fhartluich orra, a dh’ aindeoin an seoltachd, am bealach fhaotainn an oi’che sin; uime sin thachair iad aig ionad fasga’ch, far an do shuidh iad gus an d-thige brise na fàire; ach air dhoibh a bhi airsneulach sgìth, thuit iad nan codal. A nis bha fogus do’n àite san robh iad, daighneach, d’an goirear Daighneach-an-Teagaimh, b’e a shealbhadair, Famhair-gun-dòchas, agus b’ ann na fhearanns a choidil iad; agus air dha éiridh gu moch sa mhadainn, ’s a bhi a’ gabhail sràid na raointibh, ghlac e Criosduidh agus Ciatach nan codal air a chrich; An sin thuirt e riu dùsgadh ann am briathraibh coimheach iargalta; agus dh’ fheoraich e dhiubh co as a thainig iad, agus ciod a bha iad a’ deanamh san àite sin? Dh’ innis iad da gur luchd-turuis a bh’ annta; agus gun deachaidh iad air seacharan. An sin thuirt am Famhair, rinn sibh dochair dhomhsa, le bhi ’nar sìneadh agus ’nar laidhe air mo chuid feoir, uime sin ’s fheudar dhuibh falbh leamsa. Air an aobhar sin thug e a dh’aindeoin iad a thaobh gum bu treis e na iadsan. Cha robh acasan ach beag ri ràdh, a chionn gun robh iad sa choire. Dh’ iomain e uime sin roimhe iad, agus chuir e na dhaighneach iad ann an gainntir dhorcha, làn graineileachd. Bha iad mar sin o mhoch diciadain gu feasgar di-sathairne, gun bhiadh, gun deoch, gun solus, no idir aon neach a dh’fheoraich cionnas a bhà iad; bha iad uime sin air dhroch dhìol, fad o’n cairdibh [TD 99] agus o’n luchd-eolais. Bha’m barrachd triobluld air Criosduidh a chionn gur e fein bu choireach r’an toirt ann. A nis bha bean aig Famhair-gun-dòchas, d’am b’ ainm An-earbsa; agus ’n uair chaidh e d’a leabuidh dh’innis e dhi ciod a rinn e, Gun do ghlac e càraid phrìosunach, ’s gun do chuir e sa phriosan iad, a chionn iad a bhi air feadh a chuid fearainn. Agus dh’ fheoraich e dhi ciod a b’fhearr dha a dheanamh riu? Thuirt i ris, cò iad, cia as a thainig iad, agus c’àit’ a bha iad a’ dol? agus dh’innis e dhi. Chomhairlich i dha, ’n uair a dh’éireadh e sa mhadainn, am bualadh gu neo-maitheach; agus ghabh e a comhairle, le dol sios far an robh iad, agus cuaille mòr bata na laimh, agus ghabh e dhoibh mar gum bu choin a bhiodh annta, ge nach dubhairt iad aon fhocal tàireil ris. Le so a dheanamh, dh’fhàg e iad a chaoidh an cruaidh-fhortain eatorra fein; ionnas gun do bhuilich iad an latha sin gu h-iomlan ’an osnaich agus ann am bròn dubhach. Labhair i umpa air an ath-oi’che r’a fear am Famhair; agus air dhi a thuigsinn gun robh iad fhathast beo, thuirt i ris gum bu chòir dha an comhairleachadh gu cur-as doibh fein. ’N uair a thainig a mhadainn, chaidh e sios d’an ionnsuidh gu garg gruamach, agus air mothachadh dha gun robh ’n creuchdan goirt leis na buillibh a thug e dhoibh, thuirt e riu o nach b’ ion doibh fiuthair a bhi aca ri teachd a mach as a sin am feasd, gur e cùis a b’ fhearr dhoibh cuir as doibh fein, aon chuid le faobhar, le còrd no le nimh; oir thuirt e, c’arson a mhiannuicheas sibh beatha o’n a bhitheas i dhuibh co searbh? Ach thuirt iad ris an cuir fa sgaoil; le sin a chluinntinn dh’ amhairc e gu coimheach orra, agus thug e siceadh garbh d’an ionnsuidh, agus cha ’n ’eil teagamh nach cuireadh e fein crioch orra, mar éireadh dha tuiteam seachad ann an laigsinn, oir bha e buailteach dha sin, agus chaill e lùths a dha laimh; air an aobhar sin dh’fhàg e iad a dh’ fheuchainn ciod a dheanadh iad fein. An sin chuir na priosunaich an comhairle ri cheile, co ac’ a b’fhearr dhoibh a dheanamh mar thuirt e no nach b’fhearr; agus mar so thòisich iad ri labhairt. Criosd. Ciod a ni sinn arsa Criosduidh? Tha ’n doigh air a bheil sinn anabharra truagh! air mo shon fein cha’n [TD 100] fhios domh co dhiubh a b’ fhearr a bhi beo, no grad bhàsachadh. Is fearr le m’ anam tachdadh no beatha, Iob vii, 15. agus is socraiche leam an uaigh no a ghainntir so! An gabh sinn comhairl’ an Fhamhair? Ciat. Tha gun amharus ar cor san àm anabharra eagallach, agus bu deonaiche gu mòr lean fein am bàs fhaghail, na buanachadh mar so; ach smaoinicheamaid gun dubhairt Triath na tìre chum a’ bheil sinne a’ dol, na dean mortadh, cha dean air neach eile; is mò gu mòr, na sin a tha e air a thoirmeasg dhuinn sinn fein a chuir gu bàs. Osbarr, cha dean easan a mharbhas neach eile ach a chorp a chuir gu dì; ach ma mharbhas aon e fein, tha e cuir laimhe na chorp agus na anam fein cò-lath. A thuilleadh air sin, a charaid, tha thu labhairt mu fhois anns an uaigh: ach a’ bheil guth idir agad air ifrinn far an d-theid iadsan a chuireas mort an gniomh? oir cha sealbhaich mortairean a bheatha mhaireannach, &c. Agus thugamaid a rìs fainear, nach ’eil an lagh gu h-iomlan an laimh Famhair-gun-dòchas; tha mi tuigsinn gun do ghlac e ioma neach a bharr oirne, agus fhuair iad dol as uaithe. Cò aig a tha fios nach toir an Dia sin a chruthaich an saoghal am bàs air an Fhamhair, no theagamh gun di-chuimhnich e, uair no uair-eigin, an dorus a ghlasadh; no an ùine ghearr gun d-thig laigsinn eile air far am bi sinn, agus gu’n caill e lùth a lamh? Agus ma thàrlas so tuille, tha mi cuir romham gu’n glac mi misneach, agus gun d-thoir mi teann oirp air fhàgail. Bha mi m’ amadan nach d-rinn mi roimhe e; ach gnàthaicheamaid foighidinn, agus giulaineamaid leis re tamuill eile: faodaidh e bith gun d-thig an t’ àm a gheibh sinn fuasgladh: ach na cuireamaid air chor air bith lamh annainn fein. Leis na briathraibh sin thug Ciatach misneach do Chriosduidh; agus bhuanaich iad le chéile sa ghainntir ghràineil ud gun solus gun soillse. Ach mu thrà feasgair chaidh am Famhair sios a dh’ fhaicinn an do ghabh na phrìosunaich a chomhairle; ach an uair a thainig e steach, fhuair e, an aghaidh a bharalach, beo iad; agus b’e sin uil’ e; oir eadar cion lòin agus dibhe, agus leis na creuchdaibh a thainig orra a thoradh na beubaineachd a rinn e, ’s gann a bha’n deo annta. Ach fhuair e beo iad, ni a chuir corruich mhòr air, agus [TD 101] thuirt e riu, A chionn nach do ghabh iad a chomhairle, gun éireadh a nis gu h-olc dhoibh. Chuir am bagradh so air bhall-chrith iad, agus air leam gun d-thainig laigsinn air Criosduidh; ach air dha teachd da ionnsuidh fein a rìs, thòisich iad mu’n chomhairl a thug am Famhair orra, co dhiubh a b’ fhearr dhoibh a’ gabhail no nach b’ fhearr. Bha Criosduidh a rìs a leth-char deonach air a dheanamh; ach thuirt Ciatach ris mar so; Ciat. A charaid, nach cuimhne leat co treun ’sa bha thu roimhe so? Cha b’urrainn Apoluon cuir as duit, cha mhò a b’urrainn gach ni a chual, a chunnaic, no dh’ fhairich thu ann an Gleann sgàile a Bhàis: Nach ioma cunnart, cruaidh-chas, agus eigin as an d-thainig thu cheana, agus am bheil thu nis ad cladhaire co mòr. Tha thu faiccinn gu bheil mise san t-slochd so maille riut, agus tha mi a thaobh nàduir gu mòr ni’s laige na thusa: agus rinn am Famhair so na h-urrad dhochuinn orm ’sa rinn e ortsa, agus tha mi dh’ easbhuidh lòin co math riutsa, agus leatsa a’ caoidh mo mhi-shealbh san t-slochd oillteil so: Ach cleachdamaid beagan tuille foighidinn: Cuimhnich co gaisgeil sa bha thu aig Feill an diomhanais, agus nach robh sgàth ort roi’n t-slabhruidh no roi’n chrò, no idir roi’n bhàs fhuileachdach; uime sin giulaineamaid, mar chriosdui’ean, leis na tha ’nar crannchur co math ’sa dh’fhaodas sinn. Thainig an oi’che a rìs, agus an uair a bha ’m Famhair agus a bhean nan luidhe, dh’fhiosraich i dheth mu thimchioll nam phrìosunach, agus an do ghabh iad a chomhairle? Thuirt e ria, Gun robh iad gu calma laidir; gum b’fhearr leo gach cruaidh-chas fhulang no lamh a chuir annta fein. An sin thuirt ise, thoir am màireach iad a dh’fhaicinn cnàmhan agus claiginn nan daoine a chuir thu roimh gu bàs, agus cuir am fiachaibh dhoibh mun d-thig ceann seachduin, gun toir thu nam mìribh as a chéile iad, mar rinn thu air càch rompa. ’Nuair a thainig a mhadainn, chaidh am Famhair a rìs d’an ionnsuidh, agus rinn e mar dh’ iarr a bhean air. Bha iad sin nan oilthìrich mar tha sibhse, agus thainig iad air mo chrìch mar rinn sibhse; agus reub mi as a chéil [TD 102] iad; agus mun tig ceann dheich laithean ni mi a leithid eile oirbhse: thugaibh gu grad ur garaidh oirbh a rithist; agus leis a sin a ràdh, sgiùrs e roimhe iad. Bha iad mar sin re an là Disathairne ann an cor muladach mar bu ghnà leo. Ach ’n uair a thainig an oi’che, bha An-earbsa agus am Famhair nan luidh, thòisich iad ri labhairt mu na prìosunaich; agus bha ìoghnadh air an Fhamhair nach b’ urrainn da aon chuid le buillibh no le chomhairle cuir as doibh. Agus fhreagair a bhean e, gun robh eagal orra, gun robh sùil aca ri cuideigin a theachd gu’m fuasgladh, no gu bheil iuchraichean meallta aca leis am fosgail iad na glasan, agus gun teich iad. An saoil thu, ars’ easan, gu bheil a chùis mar sin? Rannsuichidh mise sa mhaduinn iad. Mu mheadhon oi’che disathairne, thòisich iad ri ùrnuigh a chuir suas, agus bhuanaich iad rithe gu dlù air brise na fàire. Ach tamull beag roi latha mhosgail Criosduidh suas mar neach a dhùisgeadh as a shuain, agus thuirt e, Nach b’amaideach mi a’ fuireach mar so co fada ann an gainntir lobhta, an uair a dh’ fhaotainn bhi aig comas mo choise? Tha iuchair agam ann am bhrollach, d’an goirear Gealladh, a dh’ fhosglas aon ghlas a tha ’n Daighneach ann Teagamh. An sin thuirt Ciatach, ’s math an sgeula sin, thoir as do bhrollach i, agus feuch ris. An sin thug e as a bhrollach i, agus thòisich e ri glas a phrìosuin fhosgladh, ni a rinn i, agus dh’fhosgail an dorus gu fial farsuing; agus thainig iad le chéile a mach. Chaidh e’n sin chum an doruis a b’fhaide muigh, agus dh’ fhosgail an iuchair e mar an ceudna, ach bha ’n dorus trom, oir b’iarunn e, agus an àm fhosgladh rinn e dìosgan air a lùdlan, a thug sanus do’n Fhamhair, a ghrad dh’ èirich gu imeachd air tòir nam prìosunach, ach mhothaich e a laigsinn a’ teachd air, agus cha robh e na urrainn dol nan déigh. An sin ghabh iadsan air an aghaidh, agus thainig iad a chum rathad mòr an righ, agus bha iad tearuinte, do bhrìgh gun robh iad a mach a fearann an Fhamhair. A nis air dhoibh dol amach air a bhealach, theann iad ri dealbh ciod an suaicheantas a chuireadh iad suas aige, [TD 103] chum nach rachadh an aitim a thigeadh nan diaigh air seacharan, agus gun tuiteadh iad an lamhaibh Famhair-gun-dòchas. Uime sin chuir iad suas carradh ann, agus chuir iad an sgriobhadh so a leanas air, “Tha’n rathad chum Daighneach-an-Teagamh a stigh air a bhealach so, a tha air a choimhead le Famhair-gun-dòchas, air am beag Righ na dùchadh nèamhuidh, agus tha e tìtheach air luchd-turuis naomh a sgrios.” Thug an sgriobhadh sin sanus do ioma neach o thainig nan déigh, agus sheachain iad an cunnart ceudna. Air dhoibh so a dheanamh, sheinn iad mar a leanas: Air seacharan chaidh sinn, a’s thuig Ciod e bhi ’n gàbhadh cruaidh; A’s thugadh iadsan thig ’nar deigh Fainear gum fan iad uaith; Aig a’ bheil Daighneach-an-teagamh Cruaidh fo ghlais; is re ’m beo Cha leig am Famhair mòr iad as, Gun iuchair bhuadhach òir. An sin dh’imich iad air an aghaidh gus an d-thainig iad chum nam beanntaidh thaitneach; a bhuineas do Thighearna na beinne sin man do labhair sinn roimhe: Dh’irich ad ri fireach nam beann, a dh’ fhaicinn nan liosan luibhiean agus meas, na fion-liosan agus na tobair uisge; far an d’ òl iad, agus an d’ ionnlaid iad iad fein, agus dh’ ith iad gu saor as na fion-liosaibh. Anis bha air mullach nam beann sin buachaillean ag ionaltradh an treud, agus sheas iad ri taobh na slighe. Chaidh uime sin an luchd-turuis d’an ionnsuidh, a’ leigeadh an uchd air am bata, mar is gnà le daoine sgìth a dheanamh, ’nuair a sheasas iad a chainnt ri neach eile, agus dh’ fheoraich iad diubh, Cia leis na beanntaidh thaitneach so? agus cò dha bhuineas na caoirich atha ’g ionaltradh orra? ’S iad na sleibhtean sin fearann Emanueil, agus tha iad an sealladh a bhaile; is leis na caoirich cuideachd, agus leag e sios a bheatha air an son. Criosd. An i so an’ t-slighè chum a bhaile neamhuidh? Buach. ’Si dìreach. Criosd. Cia fad a tha e uainn fhathast? [TD 104] Buach. Tuille ’s fad, ach dhoibhsan a gheibh dol a steach. Criosd. Co dhiubh tha ’n t-slighe tearuinte no cunnartach? Buach. Tearuinte dhoibhsan arson a’ bheil i tearuinte, ach tuitidh luchd mi-ghniomh innte. Hos. xiv. 19. Criosd. A’ bheil goireas sam bith san àite so a gheibh luchd-turuis ’a tha fann agus sgìth? Buach. Thug Tighearna nam beann sin àithne theann duinne gun dearmad a dheanamh air aoidheachd a thoirt do choigrich. Eabh. xiii. 1, 2. Chunnaic mi fòs am bhruadar, ’n uair a mhothaich na buachaillean gur luchd-turuis a bh’annta, gun do chuir iad mar an ceudna ceistean orra san, air an d’-thug iad freagradh mar tha, Cia as a thainig sibh? Cionnas a dh’amuis sibh air an t-slighe? agus cionnas a bhuanaich sibh innte? Oir ’s tearc iadsan a theannas air an turus a thig an fhad so. Ach ’n uair a chuala na buachaillean am freagradh, thaitinn iad riu, agus dh’amhairc iad gu ro-chaomh orra, agus thuirt iad riu, ’Se ur beatha chum nam beanntaidh thaitneach so. B’e ainm nam buachaillean sin Eolas, Fiosrach, Faicilleach, agus Treibh-dhireach, agus threoraich iad air laimh iad gam buthaibh, agus phàirtich iad riu cuibhrionn de na bh’aca deas. Thuirt iad osbarr riu, gum bu deonach leo iad a dh’fhuireach maille riusan gus am biodh iad eolach umpa, agus gum faigheadh iad de nithibh maithe nam beann taitneach, na bheireadh sòlas agus beothachadh dhoibh an deigh an turuis. Thuirt iad an sin riu gun robh iad toileach fuireach; agus chaidh iad a chodal an oi’che sin, a chionn gun robh e ro-anmoch. Is Dhìrich iad ri beanntaibh àigh Gu buachaillean bha cairdeil; A nochd dhoibh nithe iongantach, ’S a bhuin riu gu bàigheil. An sin chunnaic mi am aisling, gun d’ rinn na buachaillean guth ri Criosduidh agus ri Ciatach sa mhadainn, a dhol leo a shràid-imeachd air na beanntaibh: Mar so dh’fhalbh iad leo, agus bha ’n sealladh anabharra taitneach [TD 105] air gach taobh. An sin thuirt na buachaillean r’a chéile, an nochd sin do’n luchd-thuruis so nithe iongantach? agus an uair a shunraich iad air sin a dheanamh, thug iad an toiseach iad gu mullach sléibhe, d’an goirear, Mearachd, a bha ro chas air an taobh a b’fhaide uatha, agus dh’ iarr iad orra sealltuinn sios gu ìochdar an t-sléibhe. Le so a dheanamh chunnaic iad mòran sluaigh nam mìribh as a chèile aig bun an t-sleibhe, leis mar thuit iad sìos an cas-bhruthach. An sin thuirt Criosduidh, Ciod a tha so a’ cialluchadh? Thuirt na buachaillean riu, Nach cuala sibh iomra umpasan a chaidh a chuir am mearachd, le eisdeachd ri Himeneus agus ri Philetus, 2 Tim. ii. 17, 18. mu thimchioll bhi creidsinn aiseirigh a chuirp? Thuirt iad, Chualadh. An sin thuirt na buachaillean, ’S iad sin a mhuinntir a tha ’n an luidhe reubta aig ìochdar na beinne so; agus cha deachaidh an adhlac fhathast, mar eisimplair do chàch mu iad a dhìreadh tuille ’s àrd, no gu teachd ro-dhlù do bhearradh an aonaich. Air leam an sin gun d-thug siad iad gu mullach sléibhe eile, gan ainm Faicill; agus dh’iarr iad orra sealltuinn fad as: Ni ’n uair a rinn iad chunnaic iad, air leo, daoine ag imeachd sios agus suas air feudh nan ionada-adhlaic a bha’n sin. Agus thuig iad gun robh na daoine dall, a chionn gun robh iad a’ tuisleadh mu na h-uaighibh, ’s a chionn nach b’ urra dhoibh tighinn a mach asda. An sin, thuirt Criosduidh, Ciod is ciall da so? fhreagair na buachaillean, Nach faca sibh aig ìochdar nam beann so, bealach a bha dol a stigh chum còmhnard, air taobh clì na slighe. Chunnaic sinn, ars’ iadsan. Thuirt na buachaillean, gun robh dìreach o’n bhealach sin frith-rathad a bha treoruchadh do Dhaighneach-an Teagamh, a th’air a choimhead le Famhair-gun-dòchas; agus thainig na daoine sin, a ’nochda dhoibh iadsan a bha feadh nan uaighean, air thurus, mar thainig sibhse, gus an d-thainig iad a cheart bhealach sin; agus arson gun robh ’n rathad-mòr garbh docair san àite sin, roghnaich iad fhàgail, a’ dol a stigh air an àilein, far an do ghlac Famhair-gun-dòchas iad, ’s an do chuir e iad fo ghlais ann an Daighneach an Teagamh; ’s an déigh dha an gleidheadh re ùine mhòr sa ghainntir, thug e fradharc an sùl uapa, agus threòraich se iad am measg [TD 106] nan uaighean sin, far a’bheil iad air seacharan, gus an là an diugh, chum gum biodh an sean fhocal air a choilionadh, An duine théid air seacharan o shlighe na tuigse, fanaidh e ann an coithional nam marbh, Gnàth. xxi. 16. An sin thug Criosduidh agus Ciatach sùil air a chéile, ’s an deoir a’ sruthadh, ach cha dubhairt iad a bheag ris na buachaillibh. An sin chunnaic mi a’ m’ aisling, gun d-thug na buachaillean iad gu ionad eile ’an srath glinne, far an robh dorus air slios a ghlinne; dh’fhosgail iad an dorus, agus dh’iarr iad orra amharc a stigh air: Dh’amhairc iad a steach, agus thuig iad gun robh e ro-dhorcha, agus làn deataich; air leo gu’n cual iad toirm fhuaimneach, mar aig teine, agus gearan cràiteach mar o dhaoinibh air an claoidh, agus gun robh fàile pronnuisc ann. An sin thuirt Criosduidh, Ciod is ciall d’a so? Dh’innis na buachaillean doibh, gum bu fhrith-rathad so do dh’ifrinn, rathad air an d theid cealgoirean a steach: gu h-àraidh iadsan a reiceas an còir-bhreith mar rinn Esau: a reiceas am Maighstir mar rinn Iudas; iadsan a bheir toibheum do’n t-soisgeul mar rinn Alecsander: agus iadsan a ni breug mar rinn Ananias agus Saphira a bhean. An sin thuirt Ciatach ris na buachaillibh, tha mi a’ tuigsinn gun robh aig gach aon diubh sin, coslas a bhi air an turas, mar th’aguinne san àm, nach robh? Buach. Bha, agus ghleidh iad fada e cuideachd. Ciat. Cia fhad a thainig iad air an turus, r’an linn fein, ged a chaidh an cuir a thaoibh gu brònach air a cheann fa dheireadh? Buach. Chaidh cuid ni b’fhaide, agus cuid eile nach d’rainig na beanntaidh sin. An sin thuirt na h-oilthirich r’a chéile, Is feumail duinne neart asluchadh o’n chumhachdach. Buach. Is feumail, agus is iomchuidh dhuibh a ghnàthachadh, ’n uair a gheibh sibh e. Bha toil a nis aig na h-oilthirich triall air an turus, agus dh’aontaich na buachaillean le’n iartas; mar so dh’imich iad leo gu ceann nam beann. An sin thuirt na buachaillean r’a chéile, Leigeamaid leo dorsan a bhaile neamhuidh fhaicinn, m’as aithne dhoibh sealltuinn tre’n ghloin’-amh- [TD 107] airc againne. Ghabh an luchd-turuis gu h-ait ris a chuireadh: uime sin thug siad iad gu mullach àrd, ris an abrar Soilleir, agus thug iad dhoibh a ghloine chum sealltuinn troipe. An sin dh’ oirpich iad amharc, ach chuir an sealladh fa dheireadh a nochd na buachaillean doibh na h-urrad oillt orra, ’s gun robh an làmhan air bhall-chrith, air chor ’s nach b’urrainn doibh a ghloin’ a chumail còmhnard: ach air leo gum fac’ iad ni-eigin cosmhuil ris an dorus, agus earrann de ghlòir an ionaid. An sin dh’fhalbh iad, ag ràdh, Mar so tha diubhrais air an leige ris Le buachaillaibh, air nach fiosrach daoin. Thigibh d’an ionnsuidh-se mata, m’as àill Leibh eolas air dìomhaireachdaibh an t-saoghail. An uair a bha iad air bheul falbh, thug aon de na buachaillibh dhoibh ann an sgriobhadh seoladh m’an t-slighe. Thuirt fear eile dhiubh, iad a bhi air am faicill roi’n t-Sodalaiche. A deir an treas fear iad a thoirt an ro-aire nach coidleadh air talamh na drùidheachd. Agus a deir an ceathramh fear, Gun soirbhicheadh Dia leibh. Mhosgail mi an sin a’m’ shuain. Chaidil mi a rìs, agus bhruadair mi, agus chunnaic mi an da oilthiriche cheudna, a’ tearnadh a mhunaidh air an t-slighe a tha treòruchadh chum a bhaile. A nis ’sann aig ìochdar nam bruthaichean sin air an laimh chli a tha tìr na Ceilg; agus tha as an dùthaich sin a’ teachd chum na slighe air an robh iadsan ag imeachd, rathad beag fiar. Choinnich iad an so giulla brisg beothail, a thainig as an tìr sin; agus b’e ainm Aineolach. Dh’ fheoraich Criosduidh dheth cia as a thainig e, agus c’àit a bha e dol? Ain. Rugadh mi san dùthaich ud thall, tamull beag chum na laimhe clì, agus tha mi air mo thurus chum a bhaile nèamhuidh. Criosd. Ach cionnas a tha dùil agad faighinn a stigh? oir faodaidh e bhi duilich dhuit dol ann. Ain. Ceart mar tha daoine math eile faotuinn ann, thuirt e. Criosd. Ach ciod a th’ agad r’a fheuchainn aig an dorus, chum gum fosglar dhuit e? Ain. Is aithne dhomh toil mo Thighearna, agus bha [TD 108] deagh chaithe-beatha agam; tha mi ’g ìocadh a chuid fein do gach duine; tha mi deanamh ùrnuigh, a’ trosg, ag ìocadh cìs, agus a’ toirt déircean; agus dh’fhàg mi mo thìr fein, arson na dùchadh chum a’ bheil mi dol. Criosd. Ach cha d-thainig thu stigh air an dorus chumang a th’ aig ceann toisich na slighe so; ’s ann a thainig thu stigh air an rathad fhiar so, agus ’s eagal leam, ge b’e barail mhath a th’ agad ort fein, ’n uair a thig latha a mhòr chunntais, gu’n cuirear as do leth, ’gu bheil thu ad mheirleach agus ad fhear-spùinnidh an ionad do ghabhail a stigh do’n bhaile. Ain. A dhaoine, is coigrich dhomhsa sibh, agus ’s amhuil mise dhuibhse: leanaibh-se aidmheil ur tìre fein, agus leanaidh mise creidimh mo dhùchadh. Tha dòchas agam gum bi gach ni gu math. Agus thaobh an doruis m’an do labhair sibh, tha fios aig gach neach gu bheil e cian fad as ar dùthaich-ne: cha’n ’eil mi ’m barail gu bheil fear nar tìr-ne gan aithne an rathad d’a ionnsuidh: cha mhò is ion doibh umhaill a bhi aca uime, o’n a tha, mar tha sibh a’faicinn, frith-rathad grinn còmhnard uaine againn o’r tìr fein, goirid uaithe. ’Nuair a thuig Criosduidh gun robh an duine glic na bharail fein, thuirt e ri Ciatach os ìosal, tha tuille aobhair dòchais a amadan no dheth-san. Agus thuirt e, An uair a shiubhlas an t-amadan air an t-slighe, trèigidh a ghliocas e, agus their e ris gach duine, gur amadan e. Ecles x. 3. An labhair sin tuille ris, no am fàg sinn e, gu smaoineachadh mu na chual e cheana, agus moille a dheanamh ris a rithist, gu oirp a thoirt air math a dheanamh dha? An sin thuirt Ciatach, Smaoinicheadh Aineolach car tiot’ ris fein Air na chaidh ràdh, ’s na diultadh e, Gabhail ri deagh chomhairle; M’am fan E aineolach. Ma ni tha olc dha’n dàn. Tha Dia ag ràdh, Iadsan a tha gun tùr Nach dean e’n saoradh, ach an cuir air cùl. Ciat. Thuirt e a thuilleadh, Cha’n eil e iomchuidh moran a ràdh ris an aon àm; rachamaid seachad air, m’as toil leat e, agus labhramaid ris a rìs mar is urrainn da a thuigsinn. [TD 109] Mar so dh’imich iad air an aghaidh, agus bha Aineolach a’ teachd nan déigh. Agus an uair a chaidh iad beagan seachad air, thainig iad a stigh air slighe ro-dhorcha, far an do choinnich iad fear, a cheangail seachd deamhain le seachd buill laidire, agus bha iad ga ghiulan air ais chum an doruis a chunnaic iad air an leachduinn. Mat. xii. 45. Gnàth. v. 22. Le so fhaicinn bha deagh Chriosduidh air chrith le h-eagall, mar bha fòs Ciatach, a cho’-fhear-turuis; ach thug na deamhain air falbh an duine. Sheall Criosduidh am b’aithne dha e! agus air leis gu’m b’e Pill-air-falbh a bh’ann, a bha thamh ann am baile Dol-air-ais. Ach cha robh e làn chinnteach a chionn nach fac e ach pladha ga eudann; oir bha cheann crom mar fhear a rachadh a ghlacadh a’ goid rud. Ach air dhoibh dol seachad leis thug Ciatach an aire de’n sgriobhadh so air a dhruim, Fear aidmheil Macnasach, agus Cùl-sleumhnachair mòr. An sin thuirt, Criosduidh, Tha mi nis a’ cuimhneachadh air na chaidh innse dhomh a thachair do dhuine math mu thimchioll an àite so. B’ e ainm an duiue Beag-creidimh, ach bha e na dhuine math, agus bha e chòmhnaidh ann am baile Treibh-dhireach. B’e so mar dh’éirich dha; Mu bheul a chunglaich so, tha teachd o’n rathad-mhor sràid chumhang ris an abrar Sràid-nan-daoine-marbha, a thaobh gu bheil moran daoine gan cuir gu bàs ann: Agus bha Beag-creidimh so a’ triall air oilthireachd, mar tha sinne an dràst, shuidh e sìos san àite sin agus choidil e. Agus bha sa cheart àm triuir fhear a’ tearnadh o’n t’ Sràid-leathann, agus b’ e ’n ainm, Lag-chridhe, An-earbsa, agus Cionta, bu thriuir bhràithrean iad; agus air faicinn doibh far an robh Beag-creidimh na shìneadh, thainig iad nan ruidh d’a ionnsuidh. Bha’n duine math direach air mosgladh as a chodal, agus ag éiridh chum triall air a thurus; thainig iad far an robh e agus dh’iarr iad le bagradh mor air seasamh. Le so a chluintinn, ghlac geilt-chrith Beag-creidimh, agus cha d-thug e lamh air a thapadh. An sin thuirt Lag-chridhe, liuthair do sporan; ach cha robh cabhag air chum sin a dheanamh, oir bu deacair leis a chuid airgid a chall; thainig An-earbsa d’a ionnsuidh, chuir e lamh na mhàladh agus bhuin e leis an [TD 110] t’ airgiod: An sin ghlaodh e mach Mearlaich, Mearlaich. Le so a dheanamh, thog Cionta bachuill mhòr a bha na laimh, agus bhuail e Beag-creidimh sa cheann, agus leag am buille chum an làir e, far an robh e na shìneadh a’ call fhola mar gun sìleadh e gu bàs. Bha na mearlaich nan seasamh làmh ris: Ach thuig iad ma dheire gun robh muinntir am fagus, agus bha eagal orra gu’m b’e fear d’an goirear Mòr-ghràs, a bha thàmh ann am baile Sàr-mhuinghinn, a bh’ ann, thàr iad as le cabhaig, agus dh-fhàg iad an duine bochd chum deanamh air a shon fein. Tamull beag an diaigh sin thainig Beag-creidimh d’a ionnsuidh fein as a phreathal a chuireadh air, agus dh’ éirich e gu oirp a thoirt air imeachd air a thurus. Ciat. Ach an d-thug iad uaithe gach ni a bh’aige? Criosd. Cha d-thug; cha d’amuis iad air an àite san robh a sheudan, agus dh’fhan iad sin aige. Ach chaidh innse dhomh gun robh e ro-bhrònach air son a challdaich a thainig air; oir thug iad uaithe a chuid bu phailte de na bha ri cosd air air a thurus. Bu sheudan a chuid nach d’fhuair iad, agus ro-bheagan airgid; agus b’ eigin da bhi ’g iarruidh na déirce mar bha e triall air aghaidh: oir cha’n fhaodadh e a sheudan a reic. Ciat. Ach nach b’iongantach nach d’fhuair iad a theisteas, leis an gabhta ris aig an dorus neamhuidh? Criosd. B’ iongantach: ach cha d’ amuis iad air; ge nach ann a thachair sin a thaobh aon seoltachd a ghnàthaich easan; oir bha na h-urrad eagail air rompa ’s gun deachaidh e cuibhte na bhreislich, ionnas gur e’m freasdal a dh’ òrduich gun do sheachainn iad sin, 2 Tim. i. 14. Ciat. Ach b’ aoibhneach dha nach d’fhuair iad a sheudan. 2 Pead. i. 9. Criosd. Dh’fhaodadh e bhi aobhach leis, nan deanadh e mar bu chòir dha; ach mar chaidh aithris domhsa, Nach d’rinn e ach beag feum dhiubh air an t-slighe, leis a mhaoim a ghabh e chionn gun do chaill e a chuid airgid; dhi-chuimhnuich e re a chuid bu mhò de’n asdar gun robh iad idir aige. Ciat. Mo thruaighe! an duine bochd! Bu mhòr an triobluid a chuir sin air. [TD 111] Criosd. Bu mhòr d’a rìreadh! Nach biodh e mar sin le aon neach againn fein, nan deanta mar sud oirn, ar slad agur ar dochann cò’-lath, agus sin ann an tìr aineoil, mar bha e-san? Is iongantach nach do chuir am mulad gu bàs e! Chaidh innse dhomh gun robh e gu dubhach deurach air a shon re a chuid eile de’n t-slighe; ag innse do gach neach a thachradh air mar dh’éirich dha. Ciat. Ach ’s ìoghnadh leam nach d’thug am fior-fheum air cuibhrionn d’a sheudan a reic, no an toirt an geall, chum gum biodh aige goireas air a thurus. Criosd. Tha thu labhairt mar aon air ro bheag fiosrachaidh, C’arson a chuireadh e ann an geall iad? No co ris a reiceadh e iad? Cha robh meas sam bith air a sheudan fad na dùcha san deachaidh a spùinneadh. Osbarr, nam biodh a sheudan ga dhi aig dorus a bhaile nèamhuidh, ni a bha fios aig air, cha rachadh a ghabhail a stigh ann, agus cha’n fhaigheadh e cuibhrionn no crannchur san oighreachd nèamhuidh; agus bu mheasa sin da no aon ni eile a dh’fhaodadh e a chall. Ciat. C’ arson a tha thu co sgaiteach, a charaid? Reic Esau a choir-bhreith arson greim bìdh, agus b’e a choir-bhreith sin a sheud bu mhò: agus ma rinn e-san sinn, c’ arson nach deanadh Beag-creidimh mar sin cuideachd? Eabh, xii. 16. Criosd. Reic, gun amharus, Esau a chòir-bhreith, agus ’samhuil a tha ioma neach d’a thuilleadh a’ deanamh, agus le sin a dheanamh, tha iad gan druideadh fein a mach o’n bheannuchadh àraidh, mar rinn an t-amadan bochd ud: ach ’s eigin duit eadar-dhealachadh a chuir eadar Esau agus Beag-creidimh, agus fòs eadar na bha aca r’a chall ris. Cha robh an còir-bhreth Esau ach samhladh, ach cha b’e sin idir a bha ’n seudan Beag-creidimh. Bi brù Esau bu Dia dha, ach cha b’i aig Beag-creidimh. Bha uireasbhuidh Esau na chìocrais fheolmhor, cha robh aig Beag-creidimh. A thuilleadh air sin, cha robh Esau a’ faicinn ni b’fhaide na ana-mianna a shâsuchadh. Tha mi dlù do’n bhàs, thuirt e, agus ciod am feum a ni a chòir-bhreth so dhomhsa? Gein. xxv. 32. Ach bha Beag-creidimh, ge nach robh aig ach beag-creidimh, leatha air a chumail air ais o’n amaideachd sin, agus gu tuille meas a bhi aig’ air [TD 112] a shéudan, no gun reiceadh e iad mar rinn Esau a chòir-bhreith. Cha ’n ’eil thu an àit air bith a’ leughadh gun robh creidimh aig Esau; cha ’n ’eil urrad agus beagan; uime sin cha’n ìoghnadh, airsan aig nach bi buaidh air an fheoil, mar thachras do gach fear aig nach bi creidimh, ged a reiceas e a chòir-bhreith, anam agus gach ni a th’ aige, ris an droch-spiorad; oir tha iadsan mar an asail, nach gabh pilleadh ’n tra thig a miann, Ier. ii. 24. ’Nuair a bhios iad socraichte air an ana-miannaibh a shàsuchadh, ni iad e, ge b’e air bith na chostas e dhoibh; ach bha gnè eile ann am Beag-creidimh: bha aire air nithe diadhaidh: bha a bheathachadh air nithe spioradail agus os àird; uime sin, c’ar son a reiceadh fear na h-inntinn sin a sheudan, ged a bhiodh daoin ullamh gu’n ceannach, chum inntinn a lìonadh le nithibh gun seadh? An ceannaich neach feur chum a bhrù a lionadh? no ’n toir thu air a cholman cairbh ithe mar am fitheach? ged a ni muinntir gun chreidimh, chum an ana-miannaibh a shàsuchadh, gach ni a bhios aca a reic no a thoirt an geall, agus iad fein cuideachd, gidheadh cha’n fhaod iadsan aig a bheil creidimh slainteil, ge nach bi e ach beag, a dheanamh mar sin. Uime sin, a bhràthair, is ann an so tha do mhearachd sa. Ciat. Tha mi ’g aideacheadh gur h-ann; ach cha mhòr nach do chuir t’ achmhasan sgaiteach mìothlachd orm. Criosd. Faodaidh sin a bhi; ach leig dhiot a leithid sin, agus smaoinicheamaid air a chùis mu bheil sinn a’ labhairt, agus bithidh sinn làn réidh. Ciat. Ach ’s i mo làn-bharail, a Chriosduidh, nach ’eil anns an triuir fhear ud ach fior chladhairean: an e gun teicheadh iad arson farum aon duine a chluinntinn a’ teachd air an rathad, m’ar b’e sin a bhiodh annta? C’arson nach do ghlac Beag-creidimh beagan tuille misnich? Shaoilinn gum faodadh e seasamh c’ar beagan riu, agus géilleadh ’n uair a dh’fhartlaicheadh iad air. Criosd. Is ioma neach a thubhairt gum bu chladhairean iad, ach ’s beag a fhuair mar sin iad ’n uair a thigeadh àm na deuchainn. Cha robh Beag-creidimh idir cruadalach: agus tha mi tuigsinn ged bu tus’ a bhiodh ann, nach robh thu ach ri cathacha beag a dheanamh agus an sin [TD 113] strìochda. Agus nan tachradh iad oirn an ceart uair cha’n aithne dhomh nach deanadh tusa mar rinn e-san. Ach smaoinich a rìs, cha’n ’eil annta sud ach foghlumidean mheirleach, fo riaghladh righ slochd an dubh-aigein: neach, ma dh’fheumas iad e, a thig e fein gan còmhnadh, agus tha a ghuth mar bheucaich leomhainn. Bha mise mi fein na leithid de chath ’san robh Beag-creidimh, agus mhothaich mi e na ni eagallach. Thug an triuir shlaoightirean ud ionnsuidh orm, agus an uair a chuir mise ’nan aghaidh mar Chriosduidh, dh’ éigh iad air am maighstir, agus thainig e gan còmhnadh. Cha d-thugainn ach ro-bheagan air mo bheatha, oir shaoil leam gun d’fhalbh mi; ach mar dheonaich Dia dhomhsa, bha mi fo’m làn armaibh dearbhta. Agus ged a bha, thuig mi na chùis chruaidh e, agus nach meith-oirp a dh’fheumainn a thoirt chum mi fein a dhearbhadh am dhuine: Cha ’n urrainn aon neach innse ciod a thachras ruinn sa chòmhrag sin ach e-san a bh’ann. Ciat. Ach tha thu faicinn gun do theich iadsan, ’n uair nach robh iad ach am barail gun robh Mòr-Ghràs air an t’ slighe. Criosd. Tha sin fior, ’s tric a theich iad fein agus am maighstir, ’n uair a chitheadh iad Mòr-ghràs; agus cha b’ iongantach sin, oir is easan gaisgeach an Righ; ach ’s meallta mi mar cuir thu caileigin de dh’ eadar-dhealachadh eadar Beag-creidimh agus gaisgeach an Righ. Cha’n ’eil iochdrain an Righ uile nan gaisgich aige, cha mhò, ’n uair a chuirear thuige iad, is urrainn doibh gniomh co foghainteach ’s a ni easan a dheanamh. An iomchuidh a smuainteachadh gu ’m faigheadh leanamh beag buaidh air Goliat mar fhuair Daibhidh? no gum biodh spionnadh daimh ann an gobhlan-gaoithe? Tha cuid laidir, cuid lag; tha mòr chreidimh aig cuid, agus beag aig cuid eile; b’ ann de mhuinntir a bheagain an duine so, uime sin ghéill e. Ciat. B’fhearr leam gum b’e Mòr-ghràs a bhiodh ann? Criosd. Ged a b’e, dh’fhaodadh e leoir fhaotainn ra dheanamh; oir ’s fheudar dhomh innse dhuit, ged a tha Mòr-ghràs ro-chlis a laimhseachadh a chuid armachd, agus ged a ni e gu gaisgeil co fad ’s a chumas e fad a lainne [TD 114] naithe iad, ach ma gheibh iad a stigh ann, eadhon Lag-chridhe, An-earbsa, no Cionta, bheir iad deuchainn chruaidh gu chuir bharr a bhonn. ’San uair a bhitheas duine’ an ìochdar, ’s beag tapadh a ni e. Ge b’e sheallas gu beachdaidh an aodann Mòr-ghràis chi iad iomadh athailt’ agus gearradh ann, agus tha ’n sin dearbhadh ni ’s leoir air na tha mis ag ràdh. Seadh; chuala mi gun dubhairt e aon uair, ’n uair a bha e ’n teas an totail, gun d-thug e dùil d’a bheatha. Cionnas a thug na h-athaich sin air Daibhidh osnaich, bròn, agus beucaich a dheanamh? Seadh, thugadh ionnsuidh air Haman agus air Heseciah, ged bu ghaisgich r’an linn fein iad, agus fhuair iad deuchainn ghoirt leo sin. Chaidh Peadar air àm àraidh a dh’fhaicinn ciod a b’ urrainn da fein a dheanamh; ach ged a their cuid uime gur e ceann-cinne nan abstol e, chuir iad thuige e co goirt, ’s gun robh eagal air mu dheireadh roi chaileig shuarraich. A bharr air sin, tha ’n righ air an sméide; cha’n ’eil e idir a fad glaoidh dhoibh; agus ma bheirear uair air bith buaidh orra, thig e-san ma dh’fhaodas e, gu’n cobhair; agus tha e air a ràdh uime, Cha seas claidheamh an ti a bheanas ris, an t’ sleagh, an gath, no’n lùireach. Measaidh e an t’ iaruinn mar chonnlaich, agus mar fhiodh mosgain umha. Cha d-thoir an t- saighead air teicheadh: nan connlaich tionndaidhear leis clachan a ghlocain *; mar chonnlaich measar gathan; ni e gàire ri crathadh na sleagha. Iob. xli. 26. Ciod is urrainn duin a dheanamh na shamhuil sin de chor? Tha e fior nam faodadh duine each Iob a bhi aige gach àm, agus a bhi gu h-eolach misneachail chum a mharcachd, dh’fhaodadh e nithe sònruicht’ a dheanamh; oir tha mhuineal sgeudaichte le tairneanaich; cha bhi eagal air roi ’n leumnach-uaine: is uamhasach glòir a chuinneine; cladhaichidh e le chois anns a ghleann, ni e gairdeachas na neart, agus théid e air aghaidh an coinneamh an fheachd. Ni e fanoid air eagal, agus cha bhi uamhann air; agus cha phill e air ais o fhaobhar a chlaidheamh. Ni ’m balg-saighead farum na aghaidh, an t-sleagh dhealrach agus an gath. Le gairge agns feirg cladhaichidh e an talamh; agus cha * a chroinn-tabhuill. [TD 115] chreid e gur i fuaim na trompaide th’ ann. Am meadhon fuaim na trompaide their e, Ha, ha; agus fad as gabhaidh e boladh a chatha, tairneanaich nan ceannard, agus na h-iolaiche. Iob. xxxix. 19—Ach arson choisichean mar tha thus’ agus mise, na miannaicheamaid tachairt air namhuid, no idir uaill a dheanamh, m’ar gun deanamaid fein ni b’ fhearr, nuair a chluinneas sinn gu’m faigh fear eil’ a chuid is measa; no idir a bhi ri fearas-mhòr as ar treubhantas fein; oir is minig gur iadsan a dheanadh mar sin, bu lugha nochda de chruadal, ’n uair bu mhò am feum air. Faic Peadar m’an do labhair mi roimhe, mar bha e ri uaill, mar gun deanadh e fein tuille as leth a mhaighstir na dheanadh aon neach eile; ach cò air am bu luaithe thug na slaoightirean ud buaidh na air-san? ’Nuair a chluinneas sinn ma ta luaidh air an samhuil sud de shlad air an deanamh air rathad mòr an righ, tha da ni is còir dhuinn a dheanamh: 1. Dol a mach fo’r làn armachd, ’s a bhi cinnteach gun tabhair sinn sgiath leinn: oir is ann le cion so nach bu chomasach dhasan a thug ionnsuidh co gramail air Lebhiatan toirt air strìochda; agus ma bhios sin a dh’ easbhuidh oirn cha bhi sgàth sam bith air romhainn. Air an aobhar sin thuirt easan a bha eolach, Thar gach ni thugaibh leibh sgiath a chreidimh, leis am bi sibh comasach air uile shaighde teinteach an droch-spioraid a mhùchadh. Ephes. vi. 16. 2. Tha e feumail gun iaramaid freiceadan gu dol leinn air an Righ, ni h-e amhain sin, ach gun d-théid e fein maille ruinn. Thug so air Daibhidh gairdeachas a dheanamh, ’n uair a bha e’n gleann sgàil a bhàis; agus b’fhearr le Maois am bàs fhulang far an robh e, na dol aon cheum ni b’fhaide as eug’ais a Dhe. O! a bhràthair, ma théid e-san leinn, cha ruig sinn a leas eagal a bhi oirn roi dheich mìle a bhitheas ’nar n-aghaidh; ach as eug’ais-san tuitidh an luchd-còmhnaidh uaibhreach fo na mairbh. Isa. x. 4. Ecsod. xxxiii. 15. Salm. iii. 5, 6, 7, 8 agus xxvii. 1, 2, 3. Bha mise roimhe so san iomarbhàigh, agus, ged a tha mi tre mhaitheas De, fhathast a làthair, gidheadh cha’n urrainn domh uaill a dheanamh as mo thapadh. Is buidheach a bhitheas mi m’ar d’-thig deuchainn mar sud tuille orm; ged tha eagal orm nach ’eil sinn fhathast as [TD 116] gach cunnart. Ach o nach d-thug an leomhann agus am mangan as a cheile mi, tha dòchas agam gun saor Dia o’n ath-Philisteach neo thimchioll-ghearta sinn. An sin sheinn Criosduidh, Chaidh Beag creidimh a leadairt a’s a shlad; Cuimhnich air so gu tric a Chriosduidh laig: A’s faigh tuille creidimh; ’n sin bheir thu buaidh Air deich mìle, a’s cuiridh tu iad gu ruaig. Mar so chaidh iad air an aghaidh, agus lean Aineolach iad. Dh’ imich iad gus an d-thainig iad gu ionad far am fac iad rathad a’ teachd a stigh air an slighe-san, agus air leo gun robh e dìreach rompa; agus air leo gun robh an t-slighe sin co dìreach ris an t’ slighe air am bu chòir dhoibh imeachd; agus cha robh fios aca cò’n t-slighe a ghabhadh iad. Agus air bhi dhoibh mar so san iomachomhairle, feuch thainig fear dubh, ann an éididh shoilleir, far an robh iad, agus thuirt e riu, C’ arson a bha iad nan seasamh an sud? Fhreagair iad gun robh iad a’ dol chum a bhaile nèamhuidh, agus nach b’ fhios doibh cò de’n da rathad sin a ghabhadh iad. Thuirt an duine riu, leanaibh mise, ’s ann an sin a tha mi dol. Mar so lean iad e air an t-slighe nach d’ rinn ach tachairt orra, a dh’ fhàs a chuid a chuid làn char, agus lùb, ionnas gun d-thug iad an cùl ris a bhaile chum am b’ àill leo dol, gidheadh lean iad am fear. Ach mu’n d-thug iad fainear iad fein, dh’ iath lion mu’n timchioll, leis an robh iad air an riobadh co teann ’s nach bu chomasach dhoibh teachd as; agus le sin a dheanamh, thuit an fhalluing shoilleir dheth, agus an sin thuig iad c’àit an robh iad. Uime sin thòisich iad ri caoine agus ri glaodhaich, oir cha robh iad nan urrainn teachd as. Criosd. A nis tha mi faireachduinn a bhi ann am mearachd. Nach d’iarr na buachaillean oirn a bhi air ar faicill roi luchd-sodail. Dh’ fhairich sinne an diugh mar thuirt an duine glic: Am fear a ni miodal r’a choimhearsnach, sgaoilidh e lion arson a chos. Gnàth. xxix. 5. Cial. Thug iad duinn fòs seoladh mu’n t’slighe, ach dhi-chuimhnich sinn amharc air, agus cha do chum sinne sinn fein o shlighe an fhir-mhillidh. An so bha Daibhidh ni bu ghlic na sinne; oir thuirt e, A thaobh gniomharra [TD 117] dhaoine, le focal do bhilean sheachainn mi ceumanna a mhillteir. Salm xvii. 4. Mar so bha iad ri bròn anns an lion. Fa dheire chunnaic iad aon dhealrach a’ teachd d’an ionnsuidh, le sgiùrsa de chuird chaola na laimh. N uair a thainig e far an robh iad, dh’ fhiosraich e dhiubh cia as a thainig iad, agus ciod a bha iad a’ deanamh an sin? Thuirt iad ris, gur ni bh’ annta oilthirich bhochda a bha dol chum Shioin, ach gun deachaidh an treorachadh as an t’ slighe le fear dubh ann an earraidh ghil, a dh’ iarr oirn a leantuinn, a thaobh gun robh e fein a’ dol ann cuideachd. An sin thuirt easan aig an robh ’n sgiùrsa na laimh, Is e ’m Miodalaich a bh’ ann, abstol bréige, a chuir e fein ann an riochd aingil soillse. 2 Cor. xi. 13. 14. Mar sin reub e ’n lion, agus leig e na daoin’ as. An sin thuirt e riu, leanaibh mise, chum gun cuir mi a rìs air an t-slighe cheart sibh: agus thug e iad chum an àite san do lean iad am Miodalaich. An sin dh’fheoraich e dhiubh, C’ àit an robh sibh an raoir? Bha leis na buachaillean air na beanntai thaitneach, thuirt iad ris. Dh’ fheoraich e ’n sin diubh, an robh seoladh agaibh mu’n t-slighe? Thuirt iad ris, Gun robh. Ach, ars e-san, ’n uair nach robh fios agaibh cia ’n taobh a ghabhadh sibh, an do sheall sibh air an t-seoladh! Thuirt iad, nach do sheall. Dh’ fheoraich e dhiubh, C’ arson? thuirt iad ris gun do dhi-chuimhnich iad. Dh’ fhiosraich e dhiubh a thuilleadh, an d’ àithn na buachaillean doibh a bhi air am faicill ro’n t-Sodalaiche: Thuirt iad, Gun d’ iarr. Ach cha robh fiuthair againn gum b’e ’m fear binn-bhriathrach ud e. Roimh. vi. 8. An sin chunnaic mi am aisling gu’n d’àithin e dhoibh luidhe sios; ’s an uair a rinn iad mar sin, gun do smachdaich e gu geur iad, a thoirt doibh eolais mu’n deagh shlighe air am bu chòir dhoibh imeachd. Deut. xxv. 2. 2 Eachd. iv. 27. ’Sam feadh a bha e gan smachdachadh, thuirt e, A mheud is ionmhuinn leam, cronaicheam agus smachdaicheam, uime sin biodh teas-ghràdh agaibh, agus deanaibh aithreachas. Foil. iii. 19. Le so a dheanamh, thuirt e riu iad a dh’ imeachd air an turus, agus an ro-aire thoirt do na comhairlibh a thug na buachaillean oirre. Thug [TD 118] iad buidheachas da arson a chaoimhneis uile, agus dh’imich iad gu faicilleach air an t-slighe cheirt. A nis an ceann tamuill, chunnaic iad fear a’ tighinn gu socrach nan cò’-dhail; an sin thuirt Criosduidh ri Ciatach, Sud fear ’sa chùl ri Sion, agus tha e teachd ’nar cò’-dhail. Ciat. Tha mi ga fhaicinn; thugamaid an aire dhuinn fein, gun fhios nach sodalaich e-san cuideachd. Bha e sìor theachd ni bu dlùithe dhoibh, agus ma dheire thachair iad. B’ e ainm Fear-àicheadh Dhe, agus dh’fheoraich e dhiubh c’àit a bha iad a’ dol? Criosd. Tha sinn a’ dol chum Beinn Shioin. An sin rinn Fear-àicheadh Dhe gàire mòr. Criosd. Ciod is ciall do d’ ghàireachdaich? Fear. Tha mi ’gàireachdaich le smaoineacha co aineolach ’s a tha sibh, ’n uair a thainig sibh air turus co fada, agus gu bheil sibh an cunnart ur saothair a chall air a cheann ma dheireadh. Criosd. An saoil thu dhuine nach gabhar ruinn? Fear. Gabhar ruibh! Cha’n ’eil a leithid a dh’àite ’s a tha sibh am barail idir ann san t’saoghal so. Criosd. Ach tha e san t’saoghal ri teachd. Fear. An uair a bha mi aig an tigh am dhùthaich fein, chuala mi ceart mar tha sibhs ag ràdh, agus a thaobh na chuala mi, chaidh mi dh’fhaicinn agus tha mi air toir a bhaile so o cheann fichead bliadhna, ach cha mhò a th’ agam r’a fhaicinn deth na bh’agam an toiseach. Ier. xxxii. 13. Ecles. x. 15. Criosd. Chuala sinne, agus tha sinn a’ creidsinn gu bheil a leithid ann ri fhaotainn. Fear. Mar d-thugainse creideas da, cha tiginn co fada ga iarruidh agus nam bitheadh a leithid ann, gheibhinn e, tha mi nis a’dol air m’ais, agus gabhaidh mi toil-inntinn o na nithibh ris an do chuir mi roimhe cùl, le fiuthair ris an ni a tha mi tuigsinn nach ’eil idir ann. An sin thuirt Criosduidh r’a chombanach, an saoil thu bheil na tha’m fear so ag ràdh fior? Ciat. Thoir an ro-aire, is aon de na sodalaich a th’ann: cuimhnich na thainig oirn chean’ an co’-lorg éisdeachd ri fear dhiubh. 3 Cor. v. 7. Ciod e? an e nach ’eil Beinn [TD 119] Shioin ann? Nach faca sinn o na sléibhtibh thaitneach geata a bhaile? Nach ann a tha sinn ri gluasad a réir creidimh? Air ar n-aghaidh dhuinn, arsa Ciatach, mu’n d-thig fear na sgiursa a rithist oirn. ’Sann bu chòra dhuitse sin fhoghlum dhomhsa, a tha mis ag innse dhuitse: Sguir a mhic a dh’ éisdeachd ris an teagasg a chuireas air seacharan o bhriathraibh an eòlais, Gnàth. xix. 27. Tha mi ’g ràdh, Sguir a dh’ éisdeachd ris, agus creideamaid chum slanuchaidh an anma. Eabh. x. 39. Criosd. A charaid, ’s ann a chuir mi cheist ort ged dhearbhadh, cha’n e gun robh teagamh sam bith agam fein sa chùis. Tha fios agam gu bheil an duine so air a dhalladh le dia an t’saoghail so. Rachamaid air ar n-aghaidh do bhri gur aithne dhuinn an fhirinn, agus cha ’n ’eil breug sam bith o’n fhirinn. 1 Eoin ii. 21. Ciat. Tha mi nis a’deanamh gairdeachais an dòchas ri glòìr Dhe: Agus dh’ fhalbh iad o’n duine; agus rinn e gàire umpa, agus dh’ imich e air a shlighe fein. Chunnaic mi ’n sin am aisling, gun deach iad air an aghaidh gus an d-thainig iad gu dùthaich àraidh, a bha a fàile ullamh gu duine fhàgail neo-shunndach ach e thighinn na choigrich innte. Agus thòisich Ciatach ri bhi ro-throm, agus deonach air codal: agus thuirt e ri Criosduidh, tha mi co ro-throm neo-shunndach, ’s gur gann is urrainn domh mo shuilean fhosgladh; leigeamaid sinn fein ’nar sìneadh, agus deanamaid beagan codail. Criosd. Cha leig idir arsa Criosduidh, air eagal ma chaidleas sinn nach dùisg sinn am feasd. Ciat. C’ar son, a bhràthair? Tha’n codal blasda do’n fhear-oibre: bheir e ùrachadh dhuinne, ma ni sinn tamull beag dheth. Criosd. Nach cuimhne leat gun dubhairt fear de na buachaillibh ruinn a bhi air ur faicill roi thalamh na druidheachd? ’Se bha e cialluchadh leis a sin, nach coidleamaid ann: Uime sin na deanamaid codal mar ni muinntir eile, ach deanamaid faire, agus bitheamaid stuama. 1 Tes. v. 6. Ciat. Tha mi ’g aideacha bhi sa choireadh: agus nam bithinn an so am aonar, bha mi ’n cunnart a bhàis le mi [TD 120] chodal. Is fior na thuirt an duine glic. Is fearr dithis na aon fhear, Ecles. iv. 9. An fheadh so bu shonadh dhomhsa do chuideachd, agus bithidh deagh dhuais agad arson do shaoithreach. A nis ma ta, arsa Criosduidh, chum trumadas a chumail air falbh, tòisicheamaid air deagh naigheachd. Ciat. Tha mi ro-dheonach. Criosd. C’ àit’ an tòisich sinn? Ciat. Far an do thòisich Dia ruinne; ach tòisich thusa ma’s e do thoil e. Criosd. An sin thòisich Criosduidh, agus thuirt e, feoraichidh mi ceist diot. Cionnas a smaoinich thu an tùs air na tha thu’n tràs a’deanamh? Ciat. An e tha thu feoraich, cionnas a smaoinich mi an toiseach air math m’ anma? Criosd. ’Se sin a tha mi feoraich. Ciat. Bhuanaich mi fad an gabhail tlachd sna nithibh a bha ri fhaicinn agus gan reic aig an fhéill; nithe a tha mi lan-chreidsinn, nam buanaichinn annta gus anis, a chuireadh fodha mi ann an leir-sgrios. Criosd. Ciod na nithe a bh’ann? Ciat. Uile shaibhreas an domhain. Mar an ceudna bha mòr thlachd agam ann an ruiteireachd, craos, òl, mionnachadh, breugan, neo-ghloine, brise là an Tighearna, &c. a bha na impidh air an anam a sgrios. Ach mhothaich mi fa dheire le nithibh diadhaidh eisdeachd agus a thoirt fainear, a chuala mi gu deimhin uaitse agus o Dhìleas ionmhuinn, a chaidh chuir gu bàs aig feill an Diomhainis arson a chreidimh agus a dheagh chaithe-beatha, gur e bu chrioch do na nithibh ud am bàs. Rom. vi. 21, 22, 23, agus arson nan nithe sin, gu bheil fearg Dhe a’ teachd air cloinn na h-eas-umhlachd. Ephes. v. 6. Criosd. Agus an d-thainig thu gu grad fo chumhachd a gheur-mhothachaidh so? Ciat. Cha d-thainig; cha robh mi san àm deonach air olc a pheacaidh a thuigsinn, no an dìteadh a bha ri leantuinn air a chuir an gniomh; ach dh’ oirpich mi, ’n uair bha m’ inntinn an tùs a’ teannadh ri dùsgadh leis an fhocal, mo shuilean a dhruideadh an aghaidh a sholuis. Criosd. Ach ciod bu choireach ri thu bhì mar sin an [TD 121] aghaidh ceud oibreachaidh Spioraid bheannuichte Dhe air t-anam? Ciat. B’ iad na h-aobhair so iad, 1. Nach robh fios agam gur i obair Dhe a bh’ann. Cha do smaoinich mi riamh, gur h-ann le mothachadh air a pheacadh, a thòisich Dia ris a pheacach iompachadh. 2. Bha fhathast am peacadh taitneach dhomh, agus bu duilich leam cùl a chur ris. 3. Cha b’ urrainn domh a smuaineachadh cionnas a thréiginn mo sheana chombanaich, bha ’n cuideachd agus an deanadais co ionmhuinn leam. 4. Bha ’n t-am san robh geur-mhothachadh air a thoirt domh co draghail eagallach leam, ’s nach b’urrainn domh urrad agus smaoineachadh oirre, fhulang. Criosd. ’S cosmhuil ma ta gun robh thu air uairibh a’ faighinn cuibhte ’s do thriobluid. Ciat. Bha mi gu deimhin; ach thigeadh e a rìs am chuimhne, agus bhithinn co olc, seadh ni bu mheasa na bha mi roimhe. Criosd. Ciod a bha toirt do pheacaidh gu d’ chuimhne a rithist? Ciat. Iomad ni; mar tha, 1. Nan tachradh duine math orm air an t-sràid. 2. Na’n cluinninn aon neach a’leughadh a Bhiobiull. 3. Nam fàsadh mo cheann goirt. 4. Na’n cluininn gum biodh cuid do m’ choimhearsnaich tinn. 5. Na’n cluininn an clag a’beumadh arson aon a bha marbh. 6. Nan smaoinichinn gum faighinn fhein am bàs. 7. Na’n cluininn grad bhàs a theachd air neach eile. 8. Ach gu sònruichte, ’n uair a smaoinichinn umam fein, gum b’eigin domh tighinn an ùine ghearr chum breitheanais. Criosd. Agus am b’ urrainn duit aig uair sam bith gun spairn, ciont a pheacaidh a chuir as t-aire, ’n uair a thigeadh e ort air aon de na dòighibh sin? Ciat. Cha b’ urrainn idir; oir an sin chaidh iad ni bu doimhne ann am choguis; agus nan smaoinichinn air dol air m’ ais ann an slighe a pheacaidh, bhiodh e dhomh na pheanas ro-mhòr. [TD 122] Criosd. Agus cionnas a rinn thu ’n sin? Ciat. Air leam gum feumainn mo chaithe-beatha ath-leasuchadh; no gum bithinn cinnteach caillte. Criosd. Agus an d’ oirpich thu ath-leasuchadh? Ciat. Dh’ oirpich; agus cha’n e mhain gun do thréig mi mo pheacaidh, ach mo chompanaich pheacach cuideachd, agus ghnàthaich mi dleasnuis dhiadhaidh; mar tha ùrnuigh, leughadh, gul arson peacaidh, an fhirinn a’ labhairt ri m’ choimhearsnaich, &c. Na nithe sin rinn mi, agus ioma ni eile, a bhiodh tuille ’s lionmhor an so r’an ainmeachadh. Criosd. Agus an e air leat gun robh thu an sin gu math? Ciat. Air leam gun robh, re seal; ach thainig mo thriobluid orm a rìs, a dh’ aindeoin gach ath-leasachadh a rinn mi. Criosd. Cionnas a thachair sin, o’n a bha thu nis ath-leasaichte? Ciat. ’S ioma ni a thug orm e, gu sònruichte cainnt mar so: Gu bheil ar fìreantachd uile mar luideig shalaich, Isa. lxiv. 6. Nach fìrinnichear duine sam bith le oibribh an lagha; Gal. ii. 16. ’N uair a ni sinn na h-uile nithe, abair, Gur seirbhisich neo-tharbhach sinn, Luc. xvii. 10. agus le ioma leithid eile. Leis an do theann mi ri co’-reusonachadh rium fein air an doigh so: Ma tha m’ uil’ fhireantachd fein mar luideig neo-ghloin; mar fìrinnichear duine le oibribh an lagha; agus ’n uair a ni sinn na h-uile nithe, gu bheil sinn neo-tharbhach: an sin ’s diomhain oirp a thoirt air neamh leis an lagh. Smuaintich mi mar so cuideachd: Ma ruidheas duine e fein ceud punnd sasgunnach ann am fiachaibh a cheannuiche, agus an diaigh sin gun diol e gach ni eile a bheir e uaithe; gidheadh ma tha na sean-fhiachan so gun dìoladh, faodaidh an ceannuiche a thagradh air an son, agus a chuir am priosun gus an dìol e na fiachan. Criosd. Seadh, agus cionnas a chàirich thu so ri d’ chor fein? Ciat. Smaoinich mi air an doigh so air: tha mi le m’ pheacaibh fad ann am fiachaibh Dhe; agus cha d-thoir m’ ath-leasachadh san àm dìoladh sna fiachan sin; air an [TD 123] aobhar sin is còir dhomh a smaoineachadh cionnas a shaorar mi o’n dìteadh a thoill mi le m’ pheacaibh a chaidh seachad? Criosd. ’Smath a cho’-chuir thu e gu deimhin: ach lean air. Ciat. Is ni eile so a chuir mor iomaguin orm o’n a dh’ ath-leasaich mi, ma dh’ amhairceas mi gu mion air mo ghniomharaibh is fearr gu bheil mi faicinn coi’-measga de pheacaidh ùr annta; air chor ’s a nis gur eigin domh aideachadh, a dh’ aindeoin gach deagh bharail a bh’ agam orm fein, gu bheil mi nis a’ cuir do pheacadh an gniomh an aon là na bu leoir gum chuir do dh’ ifrinn, ged a bhiodh mo chaithe-beatha san àm a chaidh seachad neo-choireach. Croisd. Agus ciod a rinn thu’n sin? Ciat. Ciod a rinn mi! Cha b’urrainn domh a thuigsinn ciod a dheanainn, gus an d’innis mi mo rùn do Dhìleas; oir bha sinn mion-eolach air a chéile: agus dh’innis e dhomh, mar faighinn còir air fireantachd duine nach do pheacaich riamh, nach robh m’ fhireantachd fein, no na bha dh’ fhìreantachd air an t-saoghal murrach air mo shaoradh. Croisd. Agus am b’e air leat gun do labhair e an fhirinn? Ciat Nam b’ann a dh’innseadh e sin domh ’n uair a bha mi toilichte le m’ ath-leasachadh fein, theirinn gum b’amadan e; ach a nis, o’n a tha mothachadh agam air m’ anmhuinneachd fein, agus air a pheacadh a tha ’n co’-lorg mo dhleasnuis is fearr a chuireas mi ’n gniomh, b’fheudar dhomh bhi na bharail-san. Criosd. Ach an robh thu ’m barail ’n uair a labhair e ’n tùs uime, gun robh a leithid sin de dhuine ri fhaotainn, ris am faoidte gu cothromach a ràdh nach do pheacaioh e riamh? Ciat. ’S eigin domh aideachadh gun do chuir a chainnt an toiseach iongantas orm; ach an déigh dhomh labhairt ris uime, agus a bhi na chuideachda, bha lan mhothachadh agam air. Criosd. Agus an d’fhiosraich thu dheth ciod an duin’ a [TD 124] bh’ ann, agus cionnas a dh’fhaodadh tu bhi air t-fhìreanachadh leis-san? Ciat. Dh’fhiosraich; agus dh’ innis e dhomh gun robh an Tighearn Iosa, a tha chòmhnuidh aig deas laimh an Ti is Airde, Eabh. x. Roimh. iv. Col. i. 1 Cor. i. Agus mar so, thuirt e, ’s eigin duit a bhi air t-fhireanachadh leis, eadhon le earbsadh as na rinn e ’n uair a bha e san fheoil, agus as na dh’fhuiling e ’n trà bha e’n crochadh air a chrann. Dh’fheòraich mi a thuilleadh dheth, cionnas a dh’fhaodadh fìreantachd an duine sin a bhi leoir-dhiongmhalt’ a dh’fhìreanachadh duine am fianuis De? Agus dh’ innis e dhomh, Gum b’e fein an Dia Uile-chumhachdach, agus gun do chuir e ’n gniomh na rinn e, agus fòs gun d’fhuiling e ’m bàs, ach ni h-ann air a shon fein, ach air mo shonsa; d’an rachadh na rinn e, agus an toiltinneas a mheas domhsa, nan creidinn ann. Criosd. Agus ciod a rinn thu’n sin? Ciat. Rinn, gun dubhairt mi gach ni bha agam an aghaidh mi a chreidsinn ann; oir air leam nach biodh e toileach mo shaoradh. Criosd. Ach ciod a thuirt Dìleas riut an sin? Ciat. Thuirt e rium dol d’a ionnsiudh a dh’fhaicinn. An sin thuirt mi gum b’ann-dànachd e. Thuirt e-san, nach b’ eadh; a chionn gun robh cuireadh agam teachd. An sin thug e leabhar dhomh a dheachd Iosa Criosd, chum am barrachd misnich a thoirt domh chum teachd; agus thuirt e, gun robh gach lide de’n leabhar sin co diongmhalta ri neamh agus ri talamh. An sin dh’fheoraich mi ciod a b’ eigin domh a dheanamh ’n uair a thiginn! thuirt e, gum b’eigin domh air mo ghlùinibh a ghuidhe, le m’ uile chridihe agus le m’ uile anam, air an Athair gum foillsicheadh e dhomhs e. An sin thuirt mi ris, Cionnas a chuirinn suas m’ athchuinge ris? Agus thuirt e, Rach da ionnsuidh, agus gheibh thu e na shuidh air ionad na trocair, far a bheil e do ghnà chum maitheanas a thoirt do gach neach a thig d’ a ionnsuidh. Thuirt mi ris, Nach b’ aithne dhomh ciod a theirinn ’n uair a thiginn. Thuirt e rium a ràdh san t’seadh so: a Dhe bi tròcaireach dhomhsa tha’m pheacach, agus deonaich dhomh eolas a bhi agam air Iosa Criosd, agus creidsinn ann: oir tha mi [TD 125] toirt fainear mar biodh fhìreantachds idir ann, no mur bi agamsa creidimh anns an fhìreantachd sin, gun tur chaillear mi. O Thighearna chuala mi gur Dia tròcaireach thu, agus gun d’òrduich thu gum b’e do Mhac Iosa Criosd Slanuighear a chinne-daoine: agus osbarr, gu bheil thu deonach a bhuileachadh ormsa a ta am pheacach bochd caillte dhiom fein; A Thighearna ma ta glac an cothrom so, agus àrdaich do ghràs ann an saoradh m’ anma, trid do Mhic Iosa Criosd. Amen. Mat. xi. 28. Mat. xxvi. 25. Salm xcv. 6. Dan. vi. 10. Ier. xxxi. 10, 11. Ecsod. xxv. 22. Lebh. xvi. 9. Air. xi. 7, 8. Eabh. iv. 6. Criosd. Agus an d’rinn thu mar dh’iarradh ort? Ciat. Rinn thairis agus thairis. Criosd. Agus an d’fhoillsich an t-Athair am Mac dhuit? Ciat. Cha d’fhoillsich, gus an d’asluich mi iomad uair e. Criosd. Ciod a rinn thu’n sin? Ciat. Ciod a rinn mi! Cha b’ aithne dhomh ciod a dheanainn. Criosd. Nach robh thu los sgur a dheanamh ùrnuigh? Ciat. Bha iomadh uair. Criosd. Agus c’ ar son nach d’rinn thu sin? Ciat. Chreid mi gun robh na chaidh a ràdh rium fior, eadhon, As eug’ais fìreantachd Chriosd, nach robh an saoghal air fad comasach air mo shaoradh; agus uime sin smaoinich mi rium fein, ma leigeas mi dhiom ŭrnuigh a dheanamh, theid mi am mugha, agus cha ’n éirich ni ’s measa na sin domh aig cathair nan gràs. Agus chuimhnich mi air so, ged a ni e moille. feith ris; oir gu deimhin thig e, cha bhi e air dheire. Mar so bhuanaich mi ann an ùrnuigh gus an d’fhoillsich an t-Athair dhomh am Mac. Hab. ii. 3. Criosd. Agus cionnas a bha e air fhoillseachadh dhuit? Ephes. i. 18, 19. Ciat. Cha’n fhaca mi e le m’ shùilibh corporra, ach le sùilibh mo thuigse; agus b’ ann mar so a thachair: Bha mi aon là ro-dhubhach, air leam ni bu dubhaiche na bha mi uair sam bith roimhe sin: agus bha ’n dubhachas so ag éiridh o shealladh ùr air lionmhoireachd agus air grâineileachd mo pheacaidh. Cha robh an sin fiuthair agam ri aon ni ach ri h-ifrinn, agus dìteadh siorruidh m’anma; air [TD 126] leam, gum faca mi gu grad an Tighearn Iosa ag amharc a nuas o neamh orm, agus ag ràdh, Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, agus saorar thu. Gniomh. xvi. 30, 3l. Ach thuirt mi, a Thighearna, is peacach ro-mhor mi; agus fhreagair e, Is leoir mo ghràs-sa dhuit. 2 Cor. xii. 9. An sin thuirt mi, a Thighearna, ciod e creidsinn? Agus an sin thuig mi o Eoin vi. 35. An ti a thig am ionnsuidhse, cha bhi ocras gu brath air; agus an ti a chreideas annamsa, cha bhi tart gu brath air, gum b’e teachd agus creidsinn an t-aon ni; agus gun robh e-san a thainig, se sin, a bha togradh a chridhe an geall air slainte trid Chriosd, gun amharus a’ creidsinn ann an Criosd. An sin thainig deoir air mo rosgaibh, agus dh’fheoraich mi a thuilleadh, Ach, A Thighearn, an gabh thu ri, agus an saor thu peacach co mòr riumsa? Agus chuala mi e ag ràdh, An ti a thig am’ ionnsuidhs, cha tilg mi air chor sam bith a mach e. Eoin vi. 37. An sin thuirt mi, Ach cionnas, a Thighearna, is eigin domh a thuigsinn umad le m’ theachd ad’ ionnsuidh, chum gum bi mo chreidimh air a socrachadh gu ceart ort; An sin thuirt e, Thainig Criosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach. 1 Tim. 1. 16. Rom. x. 4. Is e-san crioch an lagha, chum fìreantachd do gach neach a chreideas; bhàsaich e arson ar peacaidh, agus dh’ éirich e a rìs arson ar fìreanachaìdh; ghràdhaich e sinn, agus nigh e sinn o’r peacaidh na fhuil fein. Eabh. vii. 24, 25. Is e-san an t-Eadar-mheadhonair eadar Dia agus sinne; tha e sior-bheo a dheanamh eadar-ghuidhe air arson. O gach ni dhiubh sin thuig mi gum b’eigin domh sùil a bhi agam ri fìreantachd na phearsadh, agus arson dìoladh arson mo pheacaidh trid fhola; nach ann air a shon fein a strìochd e do lagh Athar, agus a thug e dìoladh na bhrise, ach air a shonsan a dh’ earbas a shaoradh ris, agus a bhitheas taingeil. Bha mo chridhe an sin làn aoibhneis, mo shùilean lan dheur, agus mo thograidh a’ cuir thairis le gràdh do dh’ ainm, do shluagh, agus do shlighibh Iosa Criosd. Criosd. B’ fhoillseachadh so da rìreadh air Criosd do t-anam: Ach innis domh ciod an drùghadh a rinn e air do spiorad? Ciat. Leig e ris domh gu bheil an saoghal uile, ga mòr [TD 127] a th’ ann a dh’fhìreantachd, ann an cor fo dhìteadh: Thug e orm fhaicinn gum faod Dia an t-Athair, ged a tha e cothromach, am peacach a thig mar sin, gu ceart-bhreitheach fhìreanachadh: Chuir e nàire mhòr orm arson gràinealachd mo chaithe-beatha san àm a chaidh seachad, agus chuir e fo amhluadh mi le mothachadh air meud m’ aineolais; oir cha do smuaintich mi riamh roimhe so air maise Iosa Criosd: Thug e orm speis a bhi agam do bheatha dhiadhaidh, agus gu fadal a bhi orm gus an deanainn caileigin chum urram agus glóir ainm an Tighearn Iosa: Seadh air leam a nis gum builichinn gu togarrach am braon ma dheire de’m fhuil na aobhar. Chunnaic mi ’n sin, gun do sheall Ciatach air ais, agus gum fac e Aineolach, a dh’fhàg iad air deireadh, a’ teachd nan diaigh. Seall, thuirt e ri Criosduidh, co fad ’s a tha ’n slaodaire ud as ar déigh? Criosd. ’Smath a tha mi ga fhaicinn: cha chaomh leis ar cuideachd-ne. Ciat. Ach ’s mealta mise nam bu mhist e bhi leinn an fheadh so. Criosd. Is fior sin; ach ’s cinnteach mise gu bheil e fein na atharracha sin do bharail. Ciat. Creididh mi gu bheil: ach feitheamaid ris gus an d-thig e. An sin Thuirt Criosduidh ris, Thig air t-aghaidh, a dhuine, C’ arson a tha thu fuireach co fad air deire? Ain. Is toigh leam imeachd am’ aonar, ni ’s lugha na ’s cuideachd is caomh leam a bhitheas ann. An sin thuirt Criosduidh ri Ciatach, os iosal, Nach dubhairt mi riut nach bu toigh leis ar cuideachd-ne ach gidheadh, thuirt e, labhramaid r’a chéile san ionad uaigneach so. An sin thionndaidh e ri Aineolach; agus thuirt e, Cionnas a tha thu; Cionnas a tha chùis eadar Dia agus t-anam a nis? Ain. Tha dòchas agam gu bheil gu math, oir tha mi do ghnàth air mo lìonadh le deagh thograidh, chum sòlas a thoirt domh air mo thurus. Criosd. Innis duinn, guidheam ort, Ciod na deagh thograidh? Ain. Tha mi smaoineach air Dia agus air flaitheas. [TD 128] Criosd. Tha na deamhain a’ deanamh sin. Ain. Ach tha mis a’ smaoineach orra agus gam miannachadh. Criosd. ’S amhuil a tha ioma neach nach ’eil cosmhuil ri teachd am feasd ann. Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi bheag aige, Gnàth. xiii. 4. Ain. Ach tha mis a’ smaoineach orra, agus dh’fhàg mi ’n t-iomlan air an son. Criosd. Tha mi cuir sin an teagamh, oir ’s cùis chruaidh an t-iomlan a thréigsinn: seadh, ni ’s deacaire na tha mòran ann am barail. Ach co leis, no c’arson a tha thusa cinnteach gun do thréig thu gach ni arson Dhe agus fhlaitheis? Ain. Tha mo chridhe ag innse sin domh. Criosd. Tha ’n duine glic ag ràdh, An ti a dh’earbas as a chridhe fein, is amadan e. Gnàth. xxviii. 26. Ain. ’S ann a tha sin air a ràdh mu dhroch cridhe, ach tha mo chridhe-se math. Criosd. Ach cionnas a ni thu sin a mach? Ain. Tha e toirt sòlais domh le fiuthair ri neamh. Criosd. Faodaidh sin a bhi tre mhealltoireachd: oir faodaidh cridhe duine misneach a thoirt da arson ni air nach ’eil deagh stéigh dòchais aige. Ain. Ach tha mo chridhe agus mo chaithe-beatha a’ co’ chordadh; uime sin tha mo chridhe air deagh stéigh. Criosd. Co dh’innis duit gun robh do chridhe agus do chaithe-beatha a’ co’-chordadh? Ain. Tha mo chridhe ga innse dhomh Criosd. Feoraich de ’m chombanach a’ bheil mi am’ mheirleach? Tha do chridhe ag innse sin duit! Mar tog focal De fianuis sa chùis so, cha diong fianuis eile a bheag. Ain. Ach nach cridhe math aig am bi deagh smuainte. Agus nach deagh chaithe-beatha a bhios a reir àthaintibh Dhe? Criosd. Seadh; is deagh chridhe aig am bi smuainte math, agus is deagh chaithe-beatha a bhios a réir àthaintibh Dhe: Ach is aon ni iad sin a bhi aig duine, agus is ni eile gun bhi ach a’ smuainteach orra. Ain. Ciod ris an abair thu smuainte math, agus caithe-beatha a rèir àthaintibh Dhe? [TD 129] Criosd. Tha ioma gne de dheagh smuaintibh ann; cuid umainn fein, cuid mu Dhia, cuid mu Chriosd, agus cuid mu nithe eile. Ain. Ciod iad ar smuainte mu’r timchioll fein? Criosd. Iad sin a tha a réir focail De. Ain. C’uin a tha ar smuainte umainn fein a réir focail De? Criosd. An uair a tha ar barail fein umainn, a reir an fhocail. Gu bhi ni ’s soilleireadh; Tha focal De ag ràdh mu dhaoine ann an staid nàduir, Cha’n ’eil ionracan ann, Cha ’n ’eil neach a tha deanamh math, Roimh. iii. 10. 12. Tha e ’g ràdh mar an ceudna, Gu bheil uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a mhain olc o òige. A nis ma ta, ’n uair a smaoinicheas sinn oirn fein, le mothachadh air sin, tha ar smuainte math, do bhri gu bheil iad a reir focail De. Ain. Cha chreid mi ’m feasd gu bheil mo chridhe co olc ri sin. Criosd. Cha robh, ma ta aon smuain cheart agad umad fein riamh. Ach ceadaich dhomh crioch a chuir air mo sheanachas. Mar tha ’m focal a’ toirt breith air ar smuainte, ’s amhuil a tha e toirt breith air ar deanadais; ’s an uair a tha smuainte ar cridhe agus ar deanadais a’ còrdadh ris a bhreth a bheir am focal orra, tha iad an sin le cheile ceart, a chionn gu bheil iad ga reir. Ain. Mìnich a chùis. Criosd. Mìnichidh; Tha focal De ag ràdh, gu bheil sligheanna dhaoine cam; gun bhi math, ach claon: tha e ’g ràdh gu bheil iad a thaobh nàduir as an t-slighe cheart, agus nach aithne dhoibh i. Anis an uair a smaoinicheas duine mar so mu shlighibh, le irisleachd inntinn, ’s ann an sin a bhitheas smuainte ceart aige mu shlighibh fein, a chionn gu bheil a smuainte a reir breith focail De. Salm, cxxx. 5. Gnàth. ii. 15. Rom. iii. Ain. Ciod iad na nithe maith mu thimchioll Dhe? Criosd. Dìreach mar thuirt mi mur timchioll fein, ’n uair a tha ar smuainte mu Dhia a reir na tha’m focal ag ràdh uime; se sin, ’n uair a smaoinicheas sinn mu bhith agus mu bhuaidhean, mar tha ’m focal gar teagasg; mu nach ’eil cothrom agam labhairt san àm. Ach chum [TD 130] labhairt uime mur timchioll fein; ’n uair a tha againn smuainte ceart mu Dhia, ’n uair a tha sinn am barail gur aithne dha sinn gu mor ni ’s fearr no is aithne dhuinn fein, agus gum faic e eu-ceart annainn ’n uair nach ’eil sinn fein mothachail air: an uair a tha fios againn gu bheil e fiosrach air ar smuainte is diomhaire, agus gu bheil ar cridheachan le ’n uile rùin gnàth-fhosgailte na fhianuis. Agus fòs an uair a tha sinn a smaoineacha gu bheil ar fireantachd fein uile mar ni neo-ghlan leis-san, agus nach gabh e ruinn air chor sam bith ’nar fireantachd fein. Ain. Am bheil thu ’m barail gu bheil mis am amadan co mor ’snach smaoinich mi gu bheil Dia ni’s fiosraiche na mi fein! no gun tiginn a chum Dhe leis a chuid a b’ fhearr de m’ dheanadais. Criosd. Cionnas a tha do bharail mun chùis so? Ain. An aon fhocal, ’S i mo bharail gur feumail domh creidsinn ann an Criosd chum m’ fhìreanachadh. Criosd. Cia mar sin! an uair nach ’eil thu faicinn feum agad air! cha ’n ’eil thu mothachail air do pheacaidh geine na gniomha; ach tha barail co àrd agad umad fein agus mu na ni thu, ’sa tha ged fhàgail gu soilleir gun bhi meas gu bheil feum agad air fireantachd Chriosd chum t-fhìreanachadh an làthair Dhe. Cionnas ma ta a their thu, Tha mi creidsinn ann an Criosd? Ain. Tha mi creidsinn gu ceart air a shon sin. Criosd. Cionnas a tha thu creidsinn? Ain. Tha mi creidsinn gun deachaidh Criosd gu bàs arson pheacach: agus gum firinnichear mi an lathair Dhe o’n mhalluchadh, trid e-san a ghabhail gu gràsmhor ri m’ umhlachd da lagh. No mar so: Gu bheil Criosd a’ deanamh mo dhleasnais dhiadhuidh taitneach ga Athair, tre thoillteannais fein: agus mar so bithidh mi air m’ fhireanachadh. Criosd. Leig leam freagradh a thoirt air aidmheil so do chreidimh. 1. Tha thu creidsinn le creidimh neònach; oir cha’n ’eil an creidimh so ann an àit air bith air a chur sios ann am focal De. 2. Tha thu creidsinn le creidimh meallta, a chionn gu [TD 131] bheil e a’toirt fireanachaidh o fhìreantachd Chriosd, agus ga chàramh ri t-fhireantachd fein. 3. Cha’n’eil an creidimh so a’ deanamh Chriosd na fhear-fìreanachaidh air do phearsadh, ach air do dheanadais; agus air do phearsadh as leth do dheanadais, ni a tha meallta. 4. Air an aobhar sin tha’n creidimh so cealgach, air chor ’s gum fàg e thu fo fheirg air chionn latha a mhòr chunntais; oir tha creidimh fior a dh’fhìreanaicheas a cuir an anma, le mothachadh air a chor caillte fo ’n lagh, thuige gu teicheadh a dh’iarruidh cobhair chum fìreantachd Chriosd: agus cha ghniomh gràis fhìreantachd-san, leis a’ bheil e deanamh t-umhlachdsa taitneach le Dia, mar stéigh t-fhireanachaidh; ach ùmhlachd fein do’n lagh, le e a dheanamh agus fhulang air ar soinne na bha’n lagh ag iarruidh oirn. Tha fior chreidimh a’ gabhail ris an fhìreantachd so: tha’n t-anam, sgeudaichte leis an fhìreantachd so, agus leatha air a nochda gun smal an lathair Dhe, air gabhail ris agus air a shaoradh o dhìteadh. Ain. Ciod! An e gum b’àill leat sinn a dh’earbsa ris na rinn Criosd as ar leth? Bhiodh so na impidh air srian a leige le’r n-ana-miannaibh, agus gu cead a thoirt duinn ar beatha a chaitheadh mar a b’ àill leinn; oir ciod an umhail cionnas a chaitheas sinn ar beatha, ma bhitheas sinn air ar fìreanachadh le fìreantachd Chriosd, o gach peacadh, ma chreideas sinn ann! Criosd. ’S e aineolas t-ainm, agus mar tha t-ainm, ’s amhuil a tha thu; tha do fhreagradh fein a’ cuir so an céill. Tha thu aineolach ciod i an fhìreantachd a dh’ fhìreanaicheas, agus ceart co aineolach cionnas a shaoras tu t-anam o throm fheirg Dhe tre chreidimh ann. Seadh, tha thu cuideachd aineolach air fior thoradh creidimh slainteil ann am fìreantachd Chriosd, ni is e an cridhe aomadh a dh’ ionnsuidh Dhe ann an Criosd, ainm, fhocal, a shlighibh, agus a shluagh a ghràdhachadh, agus cha’n ann mar tha thusa gu h-aineolach a’ baralachadh. Ciat. Feoraich dheth an deachaidh Criosd riamh fhoillseachadh dha o neamh? Ain. Ciod a tha! Tha thusa arson foillseachaidh! ’Si mo bharail nach ’eil anns na tha thusa agus gach fear eil [TD 132] agaibh ag ràdh mu’n chùis so, ach toradh eanachain fhaoin na breislich. Ciat. Tha Criosd co mòr am folach ann an Dia do bharail nàdurra na feola, ’s nach faodar aithneachadh air mhodh slainteil, mu’r foillsich Dia an t-Athair dhoibh e. Ain. ’Se sin ur creidimhse, ach cha’n e mo chreidimhse; agus si mo bharail gu bheil e co math ris na th’ agaibhse, ge nach ’eil a choilion faoineachd am cheann. Criosd. Leigibh leam aon fhocal a ràdh; cha bu chòir dhuit labhairt co faoin mu’n chùis so: oir cuiridh mi an ceill gu follaiseach, mar rinn mo cho’-fhear-turuis, nach comasach do dh’aon neach a bhi eolach mu Chriosd ach tre fhoillseachadh an Athar; seadh agus creidimh cuideachd, leis a’ bheil an t-anam a’deanamh greim air Criosd, agus ’s eigin gur h-ann le ro-mheud a chumhachd a dh’ oibrichear e; agus tha mi tuigsinn gu bheil thusa anabharr aineolach mu oibreachadh a chreidimh so. Mosgail ma ta, tuig do neo-fhoghaintichead fein, agus teich chum an t-Slanuighear bheannuichte! agus trid fhireantachd-san, ni is i fìreantachd Dhe (oir is e fein Dia) bithidh tu air do shaoradh o dhìteadh. Ain. Tha sibh a’ coiseachd co luath ’s nach ’eil mis ’am urrainn cumail ribh: falbhaibh sibhse roimhibh; ’s eigin domhsa stad re tamuill. An sin thuirt Criosduidh r’a chombanach; Criosd. Thig a dheagh Chiataich, tha mi tuigsinn gur eigin duinne cuir suas leinn fein a rithist. Mar so chunnaic mi am aisling, gun do ghabh iadsan toisich na slighe, agus thainig Aineolach san turamanaich nan déigh. An sin thuirt Criosduidh r’a cho’-fhear-turuis, Tha mi duilich arson an duine bhochd so: ’s eagal leam gum bi chùis cruaidh air ma dheire. Ciat. Mo thruaighe! ’S ioma fear ga sheorsa tha sa bhail’ againne, tha teaghluichean agus sràidean iomlan, tha agus oilthirich cuideachd, agus ma tha choilion fear nar dùthaichne, nach lionmhor a bhitheas iad far an d’ rugadh e-san? Criosd. Tha’m focal ag ràdh, Gun do dhall e an sùilean chum nach faiceadh iad, &c. Ach a nis o tha sinn leinn fein, Ciod i do bharail mun [TD 133] leithid sud de dhaoinibh? A’ bheil uair sam bith mothachadh ac’ air a pheacadh, agus da thaobh sin fo eagal gu bheil an cor cunnartach? Ciat. Bheir mi urram na h-aoise dhuit, Thoir fein freagradh air a cheist sin. Criosd. A nis tha mi ’g ràdh gun teagamh gum bi; ach air dhoibh a bhi a thaobh nàduir aineolach, cha ’n’eil iad a’ toirt fainear gu bheil na geur-mhothachaidh sin a chum am math; agus air an aobhar sin tha iad a’ dian strìgh r’an cumail an cleth, agus tha iad gu h-an-dàna ri miodal riu fein ann an slighibh an cridhe fein. Ciat. Tha mi leats a’ creidsinn, gu bheil eagal chum leas dhaoine, chum an deanamh ceart ann an tùs an oilthireachd. Criosd. Gun teagamh tha, ma tha e ceart: oir ’s amhuil a tha ’m focal ag ràdh, ’Se eagal an Tighearna tùs a ghliocais, Iob. xxvii. 28. Salm. 111. 10. Gnath. i. 7. ix. 10. Ciat. Cionnas a mhìnicheas tu eagal ceart? Criosd. Tha eagal fior no ceart air fhaotainn amach le tri nithibh; 1. Le a thùs; tha e air a dhùsgadh le geur-mhothachadh slainteil mu pheacadh. 2. Tha e cuir an anma gu greim daingean a ghabhail air Criosd arson slainte. 3. Tha e tàrmachadh agus a’ coimhead anns an anam urram mòr do Dhia, da fhocal, agus do shlighibh, ga ghleidheadh faicilleach agus gioragach mu thionnda chum na laimhe deise no clì, gu aon ni a bheir eas-urram do Dhia, a ghluaiseas a shìth, a chuireas doilgheas air an Spiorad, no bheir air an eascaraid labhairt gu tàireil. Ciat. ’Smath a thuirt thu e; ’S barail leam gun do labhair thu ’n fhirinn. Am bheil sinn dlù air bhi a’ fearann na drùigheachd? Criosd. A’ bheil thu sgìth de’n t’ seanachas? Ciat. Cha’n ’eil gu deimhin, ach gum bu mhiann leam fios a bhi agam c’ àit a bheil sinn. Criosd. Cha mhò na càraid mhìltean a tha againn ri dheanamh ann. Ach pilleamaid ri’ r naigheachad. Ach cha’n’eil fios aig a mhuinntir aineolaich gu bheil na geur- [TD 134] mhothachaidh, a chuireas eagal orra, a chum an leas, agus uime sin tha iad ag iarruidh an cumail fodha. Ciat. Cionnas a tha iad ag iarruidh an cumail fodha? Criosd. 1. Tha iad am barail gur e’n droch-spiorad a tha dùsgadh nan eagal ud, (ged is e Dia a tha ris) agus leis a sin tha iad a’ cuir nan aghaidh mar nithe a ghearradh as iad. 2. Tha iad a meas gu bheil na h-eagail sin a’ cuideacha r’an creidimh a mhilleadh, an uair, mo thruaighe! nach ’eil creidimh sam bith aca! agus uime sin tha iad a’ cruadhachadh an cridheachan nan aghaidh. 3. Tha iad a smaoineacha nach còir dhoibh a bhi fo eagal, agus uime sin tha iad a’ fàs ro-dhàna. 4. Tha iad a’ faicinn gu bheil na h-eagail sin a’ cuideacha gu cuir as d’an seann fhein-naomhachd bhochd, agus uime sin tha iad le’n uile dhicheall a’ cuir nan aghaidh. Ciat. B’ aithne dhomh fein caileigin deth so, mu’n robh fios agam ciod e. Criosd. Fàgaidh sinn an trà so ar coimhearsnach Aineolach leis fein, agus gabhaidh sinn seanachas feumail eile. Ciat. Tha mi ro-dheonach, ach tionnsgnaidh tu fein air. Criosd. Ro mhath ma ta, Am b’ aithne dhuit o cheann deich bliadhna, aon ris an abradh iad, Caochail, ’s a chearn’ agaibhse de’n dùthaich, a bha mun àm sin ainmeil ann an cràbhadh? Ciat. ’S ann domh a b’aithne: bha e chòmhnuidh ann am baile Gun-ghràs, mu thimchioll da mhìle a Ionracas; agus bha e san ath-dhorus ri Pill-air-ais. Criosd. Tha thu ceart, Bha e fo dhruim an aon tighe ris. Ma ta bha’n duine sin gu mòr air a dhùsgadh aon uair: tha mi’m barail gun d’fhuair e aon uair caileigin de mhothachadh air a pheacaidh, agus air an duais a bha dligheach dhoibh. Ciat. Tha mis anns a bharail sin cuideachd; oir ’sminig a thainig e dh’ ionnsuidh mo thighe, a’ sile dheur. ’Stric bu truagh leam e, agus bha fiuthair agam gun iompaichte e gu staid shonadh; ach faodaidh sinn fhaicinn nach iadsan a their, a Thighearn! a Thighearna! Criosd. Dh’innis e dhomhs’ aon uair, gun robh e [TD 135] cuir roimhe falbh air oilthireachd, mar tha sinne san àm; ach ann an gradaig thàr e eolas air Fein-shaoradh, agus cha d-thug e luaidh tuille air dol ann. Ciat. A nis o’n a tha sinn a’ labhairt uime, rannsaicheamaid c’arson a chul-sleumhnaich e fein agus daoin’ eile co grad. Criosd. Faodaidh e bhi fior fheumaìl, ach tòisich fein air. Ciat. Ro-mhath mata, Tha ann am bheachdsa ceithir aobhair mu bheil iad a’ dol ann: 1. Ged a tha coguis an samhuil sud air a’ dùsgadh, cha’n ’eil an inntinn air a caochladh; air an aobhar sin, ’n uair a tha cumhachd a pheacaidh a’ dol as an aire, tha an ni a bhrosnuich iad gu bhi diadhaidh a sgur: uime sin tha iad a’ pilleadh r’an seana ghnàthachadh; direach mar chi sinn madadh a bhios tinn leis na dh’ itheas e, a chionn gu bheil e tinn leis, a sgeth an iomlain; ni h e gu bheil e deanamh sin le shaor thoil, ach a chionn gu bheil e trom air a ghoile; ach co luath ’s a dh’ fhalbhas a thinneas, ’s a tha ghoileadh air eatromachadh, air da thograidh gun bhi air fàs fuathach mu sgeth, tha e tionndadh ris agus ag imlich suas an iomlain; agus is fior na tha air a sgrìobhadh, Phill am madadh air ais chum a sgeth fein a rìs. 2 Pead. ii. 23. Air dha so, tha mi ’g ràdh, bhi’n dian thòir air neamh, a mhain le mothachadh agus le eagal mu chràdh ifrinn, ceart mar tha ’n t’-eagal sin mu chràdh a’ traoghadh agus a’ fuarachadh, ’s amhuil a tha ’n déigh air neamh agus air saoradh a’ dol an lughad cuideachd. Tha e ’n sin a’ tachairt, an uair a tha ’n ciont agus an eagal a’ dol as an aire, gu bheil an déigh air neamh agus air sonus a’ falbh mar an ceudna; agus tha iad a’ pilleadh chum an seana chleachdanna a rìs. 2. Is e aobhar eile, gu bheil eagail thràilleil aca a tha toirt buaidh orra; ’s ann a tha mi nis a’ labhairt mu na h-eagail a th’ aca roi dhaoine: Oir bheir eagal dhaoine ribe leis, Gnàth. xxix. 25. Air chor ’sged a shaoilear gum bi iad an dian-thòir air neamh, co fad sa tha eagal roi ifrinn nan aire, gidheadh ’n uair a thraoghas an t’eagal sin, ni iad ath-smaoineachadh, eadhon, gur feumail a bhi glic, agus gun bhi ’n cunnart an t-iomlan a chall, ar- [TD 136] son ni nach ’eil iad cinnteach ciod e, gu h-araidh gun iad fein a tharruing ann an dragh agus ann an triobluid neo-fheumail; agus mar so tha iad ag aomadh leis an t’-saoghal a rìs. 3. Tha ’n tàir a tha’n co’-chuideachda diadhachd nan rathad cuideachd; tha iad, gu h-uaibhreach àrdanach, agus tha diadhachd, nam beachd-san, tàireil agus neo-mheasail; uime sin ’n uair a chailleas iad am mothachadh air ifrinn agus air an fheirg ri teachd, tha iad a’ pilleadh ris a chleachda bu ghnà leo. 4. Tha e deacair leo bhi meoraich mu chionta agus mu uamhann; cha chaomh leo an truaighe fhaicinn gus an d-thig i, ged, theagamh nan taitneadh e riu, gun iompaicheadh e iad gu teiche far an teich na h-ionracain ’sa bhi tearuinte; ach leis mar tha iad a’seachnadh bhi smaoineach air cionta agus air uamhunn, uime sin an uair a gheibh iad bhi cuibhte de ’n mhothachadh a bh’ ac’ air corruich agus air fearg Dhe, tha iad gu deothasach a’ cruadhachadh an cridheachan, agus a’ deanamh roghainn de ’na chruadhaicheas iad ni’s mò agus ni’s mò. Criosd. Tha thu goirid o’n ghnothach; oir is e stéigh an iomlain, nach deachaidh caochladh a dheanamh air an inntinn agus air an toil. Agus air an aobhar sin cha ’n ’eil iad ach mar an ciontach a tha ’n làthair a bhreitheamh; tha ball-chrith agus oillt air, cosmhuil ri bhi air a bhualadh le aithreachas goirt, ach ’s e eagal na croiche bu mhàthair-aobhair da eagal; cha ’n e gun robh fuath aig air a chionta, oir tha e soilleir, ma chuirear a rìs fa sgaoil e, gun dean e a leithid eile; ach nam biodh caochladh air a dheanamh air inntinn, dheanadh e atharrachadh sin. Ciat. Nochd mise dhuitse na h-aobhair mu bheil iad a’ cùl-sleumhnachadh, nochd thusa dhomhsa an doigh air a bheil iad ga dheanamh. Criosd. Ni mise sin gu toileach: 1. Tha iad a’ cuir smuainte mu Dhia, mu bhàs, agus mu bhreitheanas ri teachd, co fad as an aire ’s is urrainn doibh. 2. Tha iad an sin a’ leige dhiubh uidh air uidh dleasnais dhiomhair, mar tha ùrnuigh uaigneach, an ana-miann a smachdachadh, faire, bròn arson peacaidh, &c. [TD 137] 3. Tha iad an sin a’ seachnadh comunn ri Criosdui’ean eud-mhor deagh-rùnach. 4. An diaigh sin tha iad a’ fàs caoin-shuarrach mu dhleasnais fhollaiseach, mar tha, éisdeachd, leughadh, conaltradh diadhaidh, agus an samhuil sin. 5. An sin tha iad a’ teanna ri coir’ fhaighinn do chuid de na daoinibh diadhaidh, o laigsinn eigin gan tug iad an aire, agus sin ag éiridh o dhroch-rùn, chum gum biodh leith-sgeul aca cùl a chuir ri diadhachd. 6. An sin tha iad a’ teanna ri cuideachd a gleidheadh ri daoine saoghalta, feolmhor, ann-diadhaidh agus mi-stuama. 7. An sin gèillidh iad do sheanachas feolmhor macnusach an uaigneas; agus ’s buidheach iad ma mhothacheas iad a bheag dheth sin annta-san a th’ air am meas cràbhach, chum gur feairrd a gheibh iad fein sin a dheanamh trid an eisimpleir-san. 8. An diaigh sin tha iad a’ ceadachadh dhoibh fein peacaidh bheag a chuir an gniomh gu follaiseach. 9. Agus air dhoibh bhi ’n sin air an cruadhachadh, tha iad gan leige ris gu neo-sgàthach dìreach mar tha iad. Air an doigh so tha iad a’ dol a rìs ann an slugan na truaighe, ionnas mar dean miorbhuil trocair am bacadh, gu bheil iad a dol am mughadh gu siorruidh nam mealltoireachd fein. A nis chunnaic mi am aisling, gun d’fhàg iad fearann na drùigheachd, agus gun d’inndrinn iad a steach do thìr Bheulaih, a bha gu cùbhraidh fior-thaitneach, agus a chionn gun robh ’n t-slighe a’ dol direach tre ’n tir sin, dh’fhuirich iad innte re tamull. Chual iad do ghnà san àite so binn channtaireachd bhlasta nan eun, agus chunnaic iad gach là na luis a’ teachd fo bhlàth, agus chual iad an turtuir san tìr. Tha ghrian a’ dealradh san tìr so a là agus a dh’oi’che; uime sin bha i ’n taobh thall gleannn sgàil a bhàis, far nach b’urrainn Famhair-gun-dòchas buntainn riu, agus nach mò a chitheadh iad Daighneach-an-teagamh. An so bha sealladh ac’ air an dùthaich chum an robh iad a’ dol; agus an so thachair cuibhrionn ga luchd-àiteachaidh orra: oir bha na h-aoin dhealrach a’ sràideamachd tric san àite so, a chionn gun robh iad an co’- [TD 138] chrìch fhlaitheis. ’San tìr so bha’n coi’-cheangal eadar fear agus bean na bainnse air ath-nuadhachadh; seadh, mar ni am fear nuadh-pòsda gairdeachas na mhnaoi, ’s amhuil a ni an Dia annta-san. Cha robh gainne coirce na fìon orra; oir fhuair iad san àite so am pailteas de gach ni a bha dh’ easbhuidh orra air an turus. Chual iad guthanna as a bhaile, àrd-ghuthanna ag ràdh, Abraibh ri nighinn Shioin, Feuch tha do Shlanuighear a’ teachd! Feuch tha a luach-saoithreach maille ris! An so thuirt uile luchd-àiteachaidh na tìre riu, An sluagh naomha, muinntir shaorta an Tighearna. Isa. lxii. 4. Laoidh. vii. 10, 11, 12. Isa. lxii. 5, 8, 11, 12. Bha tuille gairdeachais aca le bhi ’g imeachd feadh na tìre so, na bha aca an ionadaibh a b’fhaide o’n rioghachd chum an robh iad a’ dol; agus mar bu dlùithe bha iad a’ teachd air a bhaile, ’s ann a b’fhearr a bha iad ga fhaicinn. Bha e air a thogail le neamhnuidibh agus le clochaibh-luachmhor, bha a shràidean air an leagadh le h-òr fior-ghlan; ionnas gun d’fhàs Criosduidh le miann tinn, leis an dealradh a bha teachd uaithe, a thaobh gloir nàdurr’ a bhaile, agus na gathan-grèine a’ dealradh air a lannair: Bha Ciatach air a bhualadh leis an laigsinn cheudna; uime sin dh’fhan iad tamull aige ag éigheach; Ma chi sibh fear mo ghràidh, innsibh dha gu bheil mi tinn le gràdh. Ach air dhoibh beothachadh beagan, dh’imich iad air an turus, agus bha iad a’ sior thighinn ni bu dlùithe do’n bhaile, far an robh liosan meas, agus fion-liosan, a bha fosgailte ris an t-slighe. Agus an uair a thainig iad d’an ionnsuidh, choinnich an Gàradair iad, agus dh’fhiosraich iad deth, cò dha bhuineadh na liosan àillidh ud? Thuirt e riu gum bu leis an righ iad, agus gur ann a bha iad an sud mar thoileacha dha fein agus fòs chum sòlas a thoirt do naomh luchd-turuis. Thug an Gàradair a stigh do’n fhion-lios iad, agus thuirt e riu an cìocras a shàsuchadh le nithibh taitneach. Thug e ’n sin iad a dh’fhaicinn sràidean an righ agus a shuidheagain, far am bu taitneach leis a bhi: Ghabh iad fois agus choidil iad san àite so. Deut. xxiii. 24. Chunnaic mi am aisling gun do labhair iad tuille nan [TD 139] codal san àite so, na rinn iad ann an ionad sam bith eile air an t-slighe; agus le iongantas a bhi orm air a shon sin, thuirt an Gàradair rium, C’ arson a tha ìoghnadh ort ris a so: Is e sin gnè toradh fion-dhearc nan lios so, gun d-theid iad sios co blasda, ’s gun d-thoir iad air bilibh na h-aitim a bhitheas nan codal labhairt. Chunnaic mi ’n uair a dhùisg iad, gun do chuir iad rompa dol suas chum a bhaile. Ach, mar thuirt mi bha dealradh na gréine air a bhaile, oir b’ òr fior-ghlan e, co làidir agus co glòrmhor, ’s nach b’urrainn doibh fhathast amharc air, ach tre inneal a rinneadh chum na crìche sin. Chunnaic mi nis mar bha iad a’ dol air an aghaidh, gun do thachair orra dithis dhaoine ann an earraidh, a dhealraich mar òr, bha mar an ceudna an aghaidhean a’dealradh mar an solus. Foill. xxi. 18. 2 Cor. iii. 18. Dh’ fhiosraich na daoine sin de’n naomh luchd-turuis, Cia as a thainig iad? agus dh’innis iad doibh. Dh’ fhiosraich iad mar an ceudna dhiubh c’ àit an robh iad a’ gabhail mu thàmh, ciod na cunnairt, ciod na sòlais agus an toil-inntinn a thachair dhoibh air an t-slighe; agus dh’ innis iad sin doibh. An sin thuirt na daoin a choinnich iad riu, cha ’n ’eil ach da chruaidh-chas eile ri tachairt oirbh, ’s an sin tha sibh sa bhaile. Dh’ asluich Criosduidh agus a chòmbanach, air na daoin’ a thachair orra, iad a dhol leo; thuirt iad riu gun rachadh: Ach, thuirt iad riu, gur ann a b’ eigin doibh dol ann le ’n creidimh fein. Mar so chunnaic mi am aisling, gun d’imich iad maille ri chéile, gus an d-thainig iad am fradharc a gheataidh. A thuilleadh air so chunnaic mi, gun robh abhuinn eadar iadsan agus an geatadh, ach nach robh aon drochait air an abhuinn, agus gun robh i domhain. Chuir so duilichinn mhòr air an luchd-turuis an uair a chunnaic iad i; ach thuirt na daoin’ a bha leo riu, gum feumadh iad dol thar an abhuinn no nach ruigeadh iad am baile. Thòisich iad an sin ri fheòraich an robh rathad sam bith eile ri dol a dh’ionnsuidh a bhaile? thuirt iad gun robh, ach nach d’ amuis aon neach riamh air, ach a dha, eadhon Enoch agus Elisa, agus nach faigheadh aon neach tuille an t-slighe sin a ghabhail gu deireadh an t-saoghail. [TD 140] 1 Cor. xv. 51, 52. Thòisich na h-oilthirich an sin ri tuiteam ann am mi-mhisnich, gu h-àraidh Criosduidh, agus sheall iad a null agus a nall, ach dh’fhartluich orra rathad sam bith eile fhaicinn leis am faodadh iad an abhunn a sheachnadh. Dh’fhèoraich iad an sin de na daoine, am bu cho domhain an abhuinn anns gach àite? Thuirt iad riu nach b’eadh; gidheadh cha b’urrainn iad còmhnadh dheanamh riu; oir thuirt iad gur ann a réir ’s mar bhiodh an creidimh anns an righ a mhothaicheadh iad an abhuinn domhain no tana. An sin thug iad ionnsuidh air an abhuinn, agus ’n uair a thàr iad o thìr, thòisich Criosduidh ri dol fodha; agus air glaodhaich dha r’a dheagh charaid, a Chiataich, thuirt e, tha mi dol fodha an uisge domhain; tha na stuaidhean a’ dol thar mo cheann; tha na tonnan uile a’ dol tharum. An sin thuirt Ciatach, Biodh misneach mhath agad, a bhràthair, tha mi mothachadh an aigein, agus tha e réidh. An sin thuirt Criosduidh, Och! mo charaid, dh’iath dochair a bhàis m’am thimchioll, cha’n fhaic mi ’m fearann a tha sruthadh le bainne agus mil. Leis a sin thainig dorchadas agus uamhunn ro mhòr air Criosduidh, ionnas nach faiceadh e bheag roimhe. Cha mhòr nach do chaill e an so mar an ceudna a thoinisg: air chor ’s nach robh e comasach air an cuimhneachadh, no idir labhairt gu riaghailteach mu na thug toil-inntinn da air a thurus. Ach ’sann a bha gach focal a bha e labhairt a’ nochda gun robh e fo mhòr uamhunn agus eagal gun rachadh a chall san abhuinn, agus nach faigheadh e dol a steach air a gheatadh am feasd. An so mar an ceudna, mar thug iadsan a bha ’g amharc fainear, bha na peacaidh a chuir e an gniomh roimhe agus an diaigh dha bhi air oilthireachd, a’ cuir mòr iomaguin air. Thug iad cuideachd fainear gun robh e fo mhi-ghean le taisbean agus le tannasgaibh eagallach. Bha leoir r’a dheanamh aig Ciatach ceann a bhràthar a chumail an uachdar: bhiodh e air uairibh glan as an fhradharc, agus an ùine bheag thigeadh e ris a rithist leth mharbh. Thug Ciatach gach oirp a dh’fhaod e air misneach a thoirt da; agus thuirt e ris, A bhràthair, tha mi faicinn a gheataidh, agus daoine nan seasamh aige ullamh chum gabhail ruinn: Ach [TD 141] theireadh Criosduidh ris, ’S ann a’ feitheamh riuts’ a tha iad; oir bha thusa Ciatach o’n a thachair thu orm, agus o’n a thàr m’ eolas ort. Agus ’s amhuil a bha thusa, a Criosduidh, ars e-san. Och! a charaid, ’s cinnteach nam bithinn mar bu chòir dhomh, dheanadh e a nis mo chòmhnadh; ach arson mo pheacaidh tha so air teachd orm; thug e mi san ribe, agus dh’ fhàg e mi. An sin thuirt Ciatach ris, dhi-chuimhnich thu gu tur far a’ bheil e air a ràdh mu na h-aingidh, Cha’n ’eil cuibhrich nam bàs, ach tha an neart laidir, ni bheil iad fo thrioblaid mar dhaoinibh eile. Cha’n eil na cruaidh-chais agus an eigin sa bheil thu an àm dhuit dol tre’n uisge so nan comharran gun do thréig Dia idir thu; ach ’s ann a thainig iad ort chum do dhearbhaidh. a dh’fhaicinn an gairm thu gud’ chuimhne na bhuilich e ort ga mhaitheas roimhe so, agus do thaic a leige ris an àm do theinn. Salm lxxiii. 4, 5. Na h-oilthirich cia ait a tha, An aiseag suas chum glòir, An carbaid Dhe, ’s tha aingil fòs Stiuradh an ceum air chòir. Cò ma ta nach biodh le’n deoin A’ miannachadh bhi leis, A dh’ ullaich dhoibh na h-urrad mhiagh, Gu siorruidh buan am feasd. An sin chunnaic mi am aisling, gun robh Criosduidh a’ meoraich re tamuill, Isa. xliii. 2. Ris an do chuir Ciatach na briathra so, Biodh deagh mhisneach agad, tha Iosa Criosd ga d’ leigheas. Agus an sin ghlaodh Criosduidh le guth àrd, Och! tha mi rìs ga fhaicinn! agus tha e ’g ràdh rium, An uair a shiubhlas tu troi na h-uisgeachan, bithidh mise maille riut; agus trid nan aibhnichean, cha d-thig iad tharad. An sin ghlac iad le chéile misneach, agus an déigh sin bha an nàmhuid ciùin gun char mar chloich, gus an deachaidh iad thairis. Mhothaich Criosduidh air ball a chasan a’ buntainn ris an aigean, air an do sheasamh e, agus cha robh a chuid eile d ’n abhuinn ach tana, agus fhuair iad thairis. Anis chunnaic iad an dithis dhealrach nan seasamh air bruaich na h-aibhne, gam feitheamh air an taobh eile. Uime sin air dhoibh teachd as an uisge, chuir iad fàillte orra ag ràdh, Is luchd-frith- [TD 142] ealaidh sinne a chuireadh a mach a fhrithealadh dhoibh-san a bhitheas nan oighreachan air Slainte. Mar so chaidh iad leo chum a gheataidh. ’S eigin duit a thuigsinn gu bheil am baile air mullach beinne mòire: ach dhìrich iad am bruthach gun spàirn, a chionn gun robh ’n dithis daoine gan cuideachadh: dh’fhàg iad cuideachd an èididh shaoghalta nan déigh san abhuinn, oir ged a bha iad umpa dol a stigh, cha robh iad aca an àm teachd air tìr. Chaidh iad suas uime sin gu h-eatrom luath, ged a bha bunait a bhaile ni b’àirde na na neoil; chaidh iad air an aobhar sin suas san athar, a’ caomh chainnt gu blasda ri chéile, le mòr shòlas, a chionn gun d’ fhuair iad gu tearuint thar an abhuinn, agus gun robh còmbanaich co àghmhor aca. ’S ann mu ghlòir an àite a bha iad a’ cainnt ris na daoinibh dealrach, agus thuirt iad riu gun robh a ghlòir agus a mhaise th’ar labhairt. ’Sin ars iads, Beinn Shioin, an Ierusalem neamhuidh, a chuideachd dho-àireamh de dh’ ainglibh, agus spioraid nam fìrean air an deanamh foirfe, Eabh. xii. 22, 23, 24. Tha sibh a nis, ars’ iads, a’ dol chum phàrras De, far am faic sibh craobh na beatha, agus san ith sibh ga toradh nach searg a chaoidh; agus an uair a thig sibh ann bheirear dhuibh, trusgain gheala, Foill. ii. 7. iii. 4. agus imichidh agus labhraidh sibh gach là ris an Righ, eadhon fad linne na siorruidheachd. Cho ’n fhaic sibh tuille ion samhuil na nithe a chunnaic sibh air an talamh, eadhon bròn, tinneas, àmhghair, agus bàs, oir chaidh na ceud nithe thairis. Foill. xxi. 4. Tha sibh a nis a’ dol chum Abrahaim, Isaaic, agus Iacoib, agus chum nam fàidhean, daoin a thug Dia air falbh o’n olc a tha ri teachd, ’s a tha nis a’ gabhail fois air an leapuichibh, gach aon ag imeachd nan ìonracas. Dh’ fhìosraich na daoine dhiubh, Ciod ris am bi simn san ionad naomha? Chaidh a ràdh riu, Gum faigheadh iad an sin toil-inntinn an èiric an dragha, agus aoibhneas arson am bròin; buainidh sibh an ni a chuir sibh, eadhon, toradh ur n-uile ùrnuighean, ur deoir, agus gach ni a dh’fhuiling sibh as leth an Righ air an t-slighe. Caithidh sibh san ionad sin crùin òir, agus sior-mhealaidh sibh làthaireachd agus taisbein an Aoin [TD 143] Naomha; oir chi sibh an sin E mar tha e. 1 Eoin iii. 2. Ni sibh mar an ceudna gnà sheirbhis dhasan le moladh, le h-iolaich, agus le buidheachas, gan robh sibh a’miannuchadh seirbheis a thoirt air thalamh, ged a b’ann le ioma cruaidh-chas, a thaobh laigsinn ur feola. An sin bithidh ur sùilean air an làn thoileachadh le faicinn, agus ur cluasan le bhi ’g éisdeachd guth taitneach an Ti is àirde. An sin mealaidh sibh a rìs cuideachd ur càirdean a bha ann air thoiseach oirbh. Agus an sin gabhaidh sibh le h-aiteas ris gach neach a thig ’nar déigh do ’n ionad naomha. Bithidh sibh an sin air ur sgeudachadh le gloir agus le mòralachd. agus cuirear sibh an uidheam, a bhios freagarrach gu bhi an cuideachda Righ na Glòire. An uair thig e le fuaim thrompaidean anns na neoil, mar air sgiathan na gaoithe, thig sibhse maille ris; ’s an uair a shuidheas e air cathair a bhreitheanais, suidhidh sibh dlù dha: seadh, agus an uair a bheir e bìnne nan aingidh a mach, co dhiubh bh’ annta aingil no daoine, theid ur barail a ghabhail sa bhreith sin, o’n a bha iad nan naimhde dha-san agus dhuibhse. Mar an ceudna an uair a philleas e a ris do’n bhaile, theid sibh-se leis cuideachd le fuaim na trompaid, agus bithidh sibh gu siorruidh maille ris. 1 Tes. iv. 13, 14, 16, 17. Iud. 14. Dan. vii. 9, 10. l Cor. vi. 2, 3. An uair a bha iad mar so a’teachd am fagus do’n gheata. feuch thainig cuideachd de ’n t-slògh neamhuidh a mach nan cò’-dhail; ris an dubhradh leis an dithis dhealrach eile a bha leo, ’S iad so na daoine a ghràdhaich ar Tighearna, am feadh a bha iad air thalamh, agus dh’ fhàg iad gach ni air sgàth ainme, agus chuir e sinne chum an treorachadh, agus thug sinn an fheadh so iad air an turus mhiannuichte, chum gun d-theid iad a stigh, agus gum faic iad gnùis am Fir-shaoruidh le h-aoibhneas. An sin rinn an slògh nèamhuidh gàir mhòr ag ràdh, Is beannuicht iadsan a fhuair cuire gu suipeir bainnse an Uain. Thainig m’an àm so, mar an ceudna, a mach cuid de luchd-ciùil an Righ, air an sgeuduchadh ann an èididh ghil dhealraich, a thug le ’n ceol binn àrd-labhrach bhlasda, air mac-talla nan nèamh freagradh d’ an co-sheirm àigh. Chuir an luchd-ciuil sin ceud mìle fàillte air Criosduidh agus air a chòmbanach, agus gu’m b’e’m beatha as [TD 144] an t-saoghal; agus rinn iad so le h-iolaich agus le fuaim thrompaidean. Foill. xix. 9. An deigh sin chuartaicheadh iad leo air gach taobh; chaidh cuid rompa, cuid as an déigh, agus buidheann eile air gach laimh dhiubh, mar gam b’ann, gun dìon ann an neulaibh an athair, a’ sior sheinn le ceol binn fior thaitneach; ionnas gun robh e ri fhaicinn mar gun d-thigeadh na nèamha fein a nuas nan co’-dhail. Mar so dh’imich iad le cheile; agus am feadh a bha iad ag imeachd, bha an luchd-ciùil sin a’ sìor choimeasgadh am binn cheol neamhuidh, le sanuis agus le blàth-sheallaidh chaoimh ri Criosduidh agus r’a cho’-fhear-turuis, a ’leige dhoibh a thuigsinn gum b’e ’m beatha aca, agus an t-aiteas a bh’orra chionn gun d-thainig iad. Agus bha ’n dithis dhaoine sin, faodaidh mi a ràdh, ann am flaitheas mu’n deachaidh iad a steach ann; air dhoibh bhi air an slugadh suas le ìoghnadh, taing, agus cliu, le bhi faicinn nan aingeal, agus a’ cluinntinn an ciùil bhinn-fhoclaich bhuadhaich. Bha san àm so am baile aca san fhradharc, agus air leo gun cualadh iad na cluig chiuil, le càileachd ro-bhinn, a’ beumadh, gum b’e ’m beatha do ’n ionad àghmhor sin. Ach thug a bhi smaoineach air mòr thoil-inntinn an ionaid-chòmhnuidh a mhealadh iad am feasd ann am measg an samhuil sud de chuideachd, sòlas ro-mhòr dhoibh. O cia leis a dh’fhaodar an gairdeachas do-labhairt, a chur an céill! Mar so thainig iad chum an doruis. Anis an uair a thainig iad chum an doruis, bha e sgriobhta os cionn an doruis ann am facail òir, Is beannuicht iadsan a choimhdeas àitheanta, chum gum bi còir ac’ air craoibh na beatha, agus gum faod iad dol a stigh tre na dorsaibh do’n bhaile. Foill xxi. 14. An sin chunnaic mi am aisling, gun d’ iarr na daoine dealrach orra guth a dheanamh aig an dorus, ni an uair a rinn iad, sheall cuid-eigin a nuas thar an dorus, eadhon Enoch, Maois, Elisa, &c. ris an deachaidh a ràdh, Tha an luchd-turuis so air teachd o bhaile an Leir-sgrios, arson a ghràidh a bh’ aca do Righ an àite so; agus leis a so thug an luchd-turuis seachad doibh an teisteannas, a fhuair iad an tùs; uime sin chaidh na teisteannais a thoirt a dh’ionnsuidh an Righ, a thuirt, an uair a leugh e iad, [TD 145] C’àit’ a’ bheil na daoine? Ris an dubhradh, Tha iad nan seasamh taobh a muigh an doruis. Thug an Righ an sin àithn an dorus fhosgladh, chum gun d-theid na cinnich fhìrinneach a steach, a choimhdeas an fhìrinn. Isa. xxvi. 2. Chunnaic mi a nis am aisling, gun deachaidh an dithis daoine sin a steach air an dorus; agus co luath sa chaidh, bha iad air an cruth-atharrachadh, agus chaidh trusgain a chuir orra a bha a lannair mar an t-òr. Choinnich mar an ceudna muinntir àraidh iad le clàrsaichibh agus le crùin mar chomhar air urram dhoibh. An sin chuala mi am aisling, Gun do sheinn gach clag a bha sa chathair a rìs le h-aoibhneas, agus gun dubhradh riu, Rachaibh a steach do dh’ aoibhneas ur Tighearna. Chuala mi fòs na daoin iad fein a’ seinn le guth àrd, ag ràdh, Moladh, urram, glóir, agus cumhachd gun robh dhasan a tha ’na shuidh air an righ-chathair, agus do ’n Uan gu saoghal nan saoghal. Foill. v. 13, 14. Direach ’n uair chaidh na dorsan fhosgladh chum na daoin a leige steach, sheall mi stigh nan déigh, agus feuch dhealraich am baile mar a ghrian na h-àirde; bha mar an ceudna na sràidean air an leagadh le h-òr, agus annta bha àireamh mhòr dhaoine ag imeachd le crùin air an cinn, pailme nan lamhaibh, agus clàrsaichean òir gu seinn leo. Bha fòs nam measgsan muinntir aig an robh sgiathan, agus cho’-fhreagair iad a chéile ag ràdh, ’S naomha, Naomha, an Tighearna. Agus na dhiaigh sin dhruid iad na dorsan; agus b’ e mo ghuidhe gum bithinn fein nam measg. A nis, am feadh a bha mi ’g amharc air gach ni dhiubh sin, sheall mi am dhéigh, agus chunnaic mi Aineolach a’ teachd gu taobh na h-abhunn; ach chaidh e ’n ùine ghearr thairis, gun a bhi co leth dheacair dha ’s a bha e do na daoin’ eile. Oir thachair e gun robh san àite sin fear d’an goirear Faoin-dòchas, port-fhear, a rinn còmhnadh ris le bhàtadh; agus dhìrich e mach am bruthach, mar rinn càch, chum an doruis, ach a mhain gun robh e na aonar; cha mhò a choinnich aon duin’ e a thoirt na misnich bu lugha dha. An uair a thainig e chum an doruis, dh’ amhairc e air an sgrìobhadh a bha os a cheann, agus thòisich e ri bualadh, an dòchas gum fosgladh iad da; ach dh’ [TD 146] fheoraich na daoin a sheall thar an dorus, Cia as a thainig e? Agus ciod a bha e ’g iarruidh? Fhreagair e, dh’ ith agus dh’òl mi am fianuis an Righ; agus theagaisg e ’nar sràidibh. An sin dh’ iarr iad a theisteannas, chum gun nochdadh iad do ’n Righ e; thòisich e ri lamh-shireadh a dheanamh na bhrollach air a shon, ach cha d’fhuair se e. An sin thuirt iad ris, Cha’n’eil a h-aon agad; ach cha d’thug e freagradh dhoibh. Dh’innis iad sin do’n Righ, cha d-thigeadh e ga fhaicinn; agus thug e àithne do’n chàraid dhealrach, a bha n’ co’-chuideachd Chriosduidh agus Chiataich, iad a dhol a mach agus Aineolach a cheangal eadar lamhan agus chosan, agus a thoirt air falbh. An sin ghabh iad e, agus ghiulain iad e sna neoil gus an d’ thainig iad chum an doruis a chunnaic mi aig slios na leachdunn, agus chuir iad an sin e. An sin thuig mi gun robh slighe chum ifrinn, direach o dhorsaibh Neamh, co math agus o Bhaile an Leir-sgrios. An sin mhosgail mi, agus feuch cha robh ann ach bruadar. [TD 147] CUAIRT AN OILTHIRICHE; NO TURUS A CHRIOSDUIDH. AN DARA EARRANN. Anns a bheil e air fhoillseachadh, Mar a thòisich Bean Chriosduidh agus a chuid cloinne air an turus; na cunnairt troi ’n deachaidh iad, agus mar a rainig iad gu tèaruint an Dùthaich bu mhiann leo. O CHEANN tamuill nochd mi dhuit m’ aisling mu Chriosduidh am fear-turuis, agus mu thurus cunnartach do ’n tìr nèamhuidh; bha sin taitneach dhomh fein, agus tarbhach dhuitse. Dh’ innis mi dhuit mar an ceudna, na chunnaic mi mu thimchioll a mhnà agus a chuid cloinne, agus co neo-thoileach ’sa bha iad air dol maille ris air a thurus; ionnas gum b’ eigin da falbh as an eug’ais; oir cha dùraigeadh e fuireach ris a chunnart a bha e faicinn air a bhagradh orra, le buanachadh ann am baile an Leir-sgrios. Ionnas mar nochd mi dhuit, gun d’ fhalbh e agus dh’ fhàg e iad. Thachair e dhomh a thaobh iomadaidh ghnothaichean nach robh mi co tric ’s a’ b’ àbhuist domh ’s na h-ionadaibh a rainig e-san, agus nach robh cothrom agam gus a nis, air rannsuchadh mion a dheanamh mu’n timchioll-san a dh’ fhàg e, chum gun d-thugainn cunntas duit umpa: Ach air dhomh dol san rathad o cheann ghoirid, thaghail mi ann: agus ghabh mi gu tàmh ann an coillidh, mu thimchioll mìle o’n àite; agus air dhomh tuiteam am chodal, bhruadair mi a rìs. [TD 148] Agus chunnaic mi am aisling, gun d-thainig seann duin uasal far an robh mi; agus o’n a thuig mi gun robh e ri imeachd air an t-slighe san robh mise gu dol, air leam gun d’ èrich mi agus gun d’fhalbh mi leis. Agus air dhuinn a bhi ’g imeachd, mar is gnà le daoinibh, thòisich sinn ri seanachas, agus ’s ann mu Chriosduidh agus mu thurus a thionnsgain sinn ri labhairt: oir thuirt mi mar so ris an t-seann duine: An aithne dhuit ciod am baile a tha thall far comhair air taobh clì na slighe? An sin thuirt Fiosrach, oir b’e sin ainm an duine, ’s e baile an Leir-sgrios a th’ann, far a bheil mòran sluaigh, ach tha iad ro aingidh dhiomhanach. Bha mi am barail gur e sin a bh’ann, thuirt mi; chaidh mi aon uair troimhe; agus leis a sin tha mi fiosrach gu bheil do sgeul uime fior. Fios. Tha e tuille ’s fior; b’fhearr leam gum b’urrainn domh cùis bu taitnich aithris umpa, Tha mi nis a’ tuigsinn, thuirt mi, gu bheil thu ad dhuine deagh-bheusach, leis am math iomra chluintinn agus aithris umpa-san a tha math. An cuala tu riamh iomradh air na thachair do dhuine a bha roimhe so sa bhaile sin, d’ am b’ainm Criosduidh, a chaidh air a thurus do na h-ionadaibh uachdrach? Fios. Iomradh air! ’S mi chualadh: agus mar an ceudna air na triobluidean, na caonnagan, an ciomachas, an éigheich, an osnaich, an oillt, agus na h-eagail a thachair ris na thurus; a bharr air sin ’s eigin domh innse dhuit gu bheil e na làn naigheachd ’nar dùthaich; cha mhòr teaghlach a chual iomradh air fein agus air a thurus, nach d’ fhuair an eachdraidh sgrìobhta; agus faodaidh mi a ràdh, gun d’fhuair a thurus cunnartach-san iomad fear a tha ’n deagh-rùn do’n t-slighe air an d’imich e; oir am feadh a bha e’n so, ged a bha e air a mheas mar amadan leis gach aon duine, gidheadh o’n a dh’fhalbh e, ’s a thuig iad mar dh’ éirich dha, tha gach aon ga mholadh. Oir tha e air aithris gu bheil e gu buadhar a’ caitheadh a bheatha far a bheil e: tha ioma neach nach gabh dragh a thuruis, leis am bu taitneach a bhuannachd. ’S math a dh’ fhaodas iad sin a chreidsinn, thuirt mise, [TD 149] ma chreideas iad ni sam bith; oir tha e nis a’ caitheadh a bheatha aig, agus ann an tobar na beatha; agus tha e gu sochdair sona gun saothair, gun dragh; oir cha’n’eil doilgheas sam bith na charamh. Ach ciod a tha ’n sluagh ag ràdh uime? Fios. Tha iad ag ràdh ioma ni iongantach uime: Tha cuid ag ràdh gu bheil e nis air éideadh an culaidhibh geala; gu bheil slabhruidh òir aige mu mhuineal; gu bheil crùn òir, air a chur le clochaibh-luachmhor, air a cheann. Foill. iii. 4. Caib. vi. 11. Tha cuid eil ag ràdh, gur iad na daoine dealrach a nochd iad fein da air an t-slighe, is sàr chombanaich dha a nis, agus gu bheil e co ionmhuinn eolach umpa far a’ bheil e ’sa bhios aon choimhearsnach mu choimhearsnach eile san àite so. Tha e a thuilleadh air a ràdh gun d-thug Triath an àite dha ionad taitneach agus maiseach gu còmhnuidh a ghabhail ann, agus gu bheil e gu lathail ag itheadh agus ag òl, ag imeachd agus a’ labhairt leis-san a tha na bhreitheamh air an iomlan san àite sin. Sech. iii. 7. Osbarr tha e air aithris gu bheil fiuthair aig dream araidh, gum bheil an t-Uachdaran so, Tighearna na tìre, a’ dol a theachd an aithghearra, a rannsuchadh c’arson a rinn iad na h-urrad thàir agus mhi-chliu a thoirt do Chriosduidh mun do thàr e air a thurus. Breith. xiv. 15. Oir tha iad ag ràdh gu bheil e nis co mòr aig an Uachdaran, ’s gu bheil na h-urrad chorruich air a Righ arson gach tàir agus eas-urram a chuireadh air Criosduidh, man do thàr e air a thurus, ’s gum meas e mar gun deanta an t-iomlan air fein; agus cha’n ìoghnadh sin, oir s ann arson na spéis a bh’ aige ga uachdaran a ghabh e os laimh na rinn e. Is buidheach mi dheth, thuirt mi, gu bheil aig an duine bhochd a nis fois o shaothair, agus gu bheil e a’ faighinn toradh a dheoir le h-aoibhneas, agus gu bheil e air dol a comas a naimhdean, agus uathasan air am bu bheag e. Luc. x. 16. Foill. xiv. 13. Salm cxxvi. 5, 6. Tha mi mar an ceudna toilichte arson gu bheil iomra mu na nithe sin air sgaoileadh feadh na tìre so; oir cò aig a’ bheil fios nach oibrich e air mhodh sonadh orrasan a dh’ fhàg e na dhéigh? Ach am feadh a tha cuimhn agam air, an [TD 150] cuala tu a bheag mu mhnaoi agus mu chloinn? Is ìoghadh leam ciod ris a’ bheil na truaghain? Fios. Co iad! An i a Bhana-chriosduidh agus a cuid cloinne? Tha choslas orra deanamh co math sa rinn e fein, oir ged a bha iad uile nan amadain an toiseach, ’s nach falbhadh iad le Criosduidh, a’ dh’aindeoin gach dian-earail a thug e dhoibh; gidheadh rinn iad mùgha comhairle, agus thog iad orra na dhéigh. Is math leam sin, thuirt mi: ach an d’fhalbh a bhean agus a chlann? Fios. Gu deimhin dh’ fhalbh, ’s aithne dhomhsa innse dhuit mar thachair; oir bha mi san àite san àm, agus bha mi fiosrach air an iomlan de’n chùis. Ma ta, thuirt mi, faodaidh aon aithris mar fhirinn. Fios. Faodaidh tu sin gun sòradh; eadhon gun d’ fhalbh iad uile air oilthireachd, an da chuid an deagh bhean agus a cearthar mhac. Agus o’n tha mi tuigsinn gu bheil sinn ri bhi grathunn an cuideachd a chéile, aithrisidh mis an t-iomlan de ’n naigheachd dhuit. Bha a bhean so, d’am b’aimn Bana-Chriosduidh, agus a cuid cloinne, an diaigh d’a fear falbh air a thurus, a’ deanamh na h-urrad smuainich air a chùis, ’s gun do dhrùigh e co mòr orra, ’s gun do chuir i roipe gum falbhaidh i na dhéigh, air a ghnothach cheudna, oir, thuirt i, o’n a chaidh e thar an abhuinn, gun robh an ceangal pòsaidh a nis fa sgaoil; ach ’s dù dhuinn a bhi sìor smaoineach air na dhealaich ruinn. Is ioma deur a chosd call a fir dhi; ach cha b’ e sin uil e; ach ghabh i na h-aire gum b’ e a giulan fionnar mi-thlusail r ’a fear bu choirech r ’a thoirt air falbh uaipe. Agus thug so na h-aire co as-caoin, reasgach, mhi-dhiadhaidh, s’ a bhuin i r’ a caomh leth-bhreachd. Bha i fo mhòr mhi-shuaimhneas le bhi cuimhneach air gach oi’che neo-shubhach s’ a bha e, le osnaich, le deoir ghoirte, agus le caoi mhuladaich, a chuir ise gu faoin, air bheag seadh, ged is ann air a leas a bha e gu caomhail ga comhairleachadh fein agus na cloinne gu falbh leis. Seadh cha robh a bheag de na chuir i champar air am feadh a bha ’n eallach air a mhuin, nach d’ thainig le maoim na beachd; gu h-àraidh bha mar theireadh e [TD 151] ciod a ni mi chum gun saorar mi? a’ deanamh gnàth ghàir na cluasaibh. An sin thuirt i ra cloinn, A chlann, tha sinn uile caillte, chuir mo ghiulan mi-chneasd air falbh ur n-athair: b’àill leis gun rachamaid leis, ach cha rachainns ann; agus cha mhò a cheadaich mi dhuibhse dol ann. Leis a sin a chluintinn, bhuail a chlann am basan, agus dh’éigh iad falbh an déigh an athar. Och mo thruaighe! thuirt am màthair, b’fhearr leam gun robh sinn air falbh maille r’ar n-athair, bhitheamaid ni b’fhearr le sin a dheanamh na tha eagal orm a bhitheas sinn. Oir ged a bha mi roimhe so, gu h-amaideach, am barail gur ann o bheachd neo-iomchuidh air a chùis, a dh’éirich gach iomaguin mu chunnart suas na inntinn; no gun robh e air tuiteam ann am mi-mhisnich air a shon; gidheadh tha mi nis a’ tuigsinn gur ann a bha iad ag éiridh o’n bharrachd eolais a fhuair e mu sholas na beatha; leis an deachaidh e as o dhochair a bhàis. An sin ghuil iad uile a rìs, agus ghlaodh iad a mach, Mo thruaighe sinn! Chunnaic a Bhana-Chriosduidh aisling an ath-oi’che; agus chunnaic i mar gam biodh sgrìobhadh mòr air a sgaoileadh a mach fa comhair, anns an robh air a chuir sios a giulan, agus air leatha gun robh a peacaidh ag amharc anabharra duaichnidh. An sin ghlaodh i a mach gu h-àrd na codal, A Dhia dean tròcair ormsa ta’m pheacach! Luc. xviii. 13. agus chual a cuid cloinne i: An diaigh so air leatha gum fac i dithis dhaoine ro-dhuaichnidh nan seasamh ri taobh a leapach, ag ràdh, ciod a ni sinn ris a bhoirionnach so? oir tha i ’g éigheach arson tròcair a dh’ oi’che agus do là. Ma leigeas sinn air a h-aghaidh i mar tha i dol, caillidh sinn i mar chaill sinn a fear roimhe. Feumaidh sinn uime sin oirp a thoirt air a cuir o bhi smaoineach ciod a thig an diaigh so, no falbhaidh i air oilthireachd a dh’aindeoin co theireadh e. Mhosgail i gu grad suas ann am fallas mòr; bha i mar an ceudna air bhall-chrith; ach an ùine bheag thuit i a rìs na codal. Agus an sin air leatha gum fac i Criosduidh a fear, ann an ionad an aoibhneis, maille ri àireamh mhòr de shluagh neo-bhàsmhor, a seinn clàrsaich na lathair-san a shuidh air righ-chathair, agus bogha frois (no braoin) [TD 152] mu cheann. Air leatha gun robh e cromadh a chinn le aghaidh ri làr, ag ràdh, Tha mi toirt mòr bhuidheachas do m’ Thighearna an righ, arson gun tug e mi do’n àite so. An sin gun d’rinn iadsan a bha nan seasamh na làthair iolach mhòr, agus gun do sheinn iad le ’n clàrsaichibh. Ach cha b’ urrainn aon neach a thuigsinn ciod a bha iad ag ràdh, ach Criosduidh agus a chòmbanaich. Air an ath-mhaduinn, an uair a dh’éirich i, ’s a rinn i ùrnuigh ri Dia, agus a bha i labhairt ri cuid cloinne, thainig buille cruaidh chum an doruis; ris an dubhairt i, M’as ann an ainm Dhe a tha thu, thig a steach. Agus thuirt e, Amen; agus dh’fhosgail e ’n dorus; agus chuir e fàilt orra, ag ràdh, Sìth do’n tigh so. Le sin a ràdh, thuirt e, a Bhana-Chriosduidh, an aithne dhuit c’arson a thainig mi? An sin thainig rugha na gruaidh agus dh’fhàs i air chrith; bha fòs mòr dhéigh aic a thuigsinn co as a thainig e, agus ciod an gnothach a bh’ aige rithe. Thuirt e rithe, ’s e dìomhaireachd is ainm dhomh; tha mo chòmhnuidh maille riu-san a tha gu h-àrd. Tha e na iomra far a’ bheil mise, gur miann leatsa dol chum an ionaid sin; agus mar an ceudna gu bheil thu mothachail air an dochair a rinn thu do d’fhear-posda, ann an cruadhachadh do chridhe an aghaidh a shlighe, agus ann an cumail do chloinne ann an aineolas. A Bhana-Chriosduidh, chuir an Dia tròcaireach mis a t-ionnsuidh a dh’innse dhuit, gu bheil e na Dhia ullamh gu maitheanas a thoirt seachad, agus a’ gabhail tlachd ann an ciontadh a lughadh. B’àill leis gum biodh, mar an ceudna, fios agad, gur e do bheatha, agus gu bheil cuireadh agad, teachd na fhianuis, co’-pairt a ghabhail ga bhòrd, agus gum beathaich e thu le nithibh maith a theach, agus le oighreachd Iacob t-athar. Ann an sin tha Criosduidh a bha na fhear-pòsd agad, maille ri cuideachd gun àireamh ga chòmbanaich, a’ sìor dhearcadh air a ghnùis sin a tha buileachadh beatha orrasan a chi e: agus bithidh aiteas orr’ uile ’n uair a chluinneas iad farum do chos thar starsnuich an Athar. Bha faitchios mòr air a Bhana-Chriosduidh ’n uair a chual i so, agus chrom i a ceann ri làr. Thuirt an taisbein rithe, Tha ’n so litir a thug mise t-ionnsuidh o Righ t-fhir: mar so ghabh i ’n litir agus dh’fhosgail si i; agus [TD 153] bha a bòltrach ro-chùbhraidh. Bha i air a sgrìobhadh ann an òr, agus ’s e bu bhladh dhi, “Gum b’e toil an Righ gun deanadh i a reir mar rinn Criosduidh a fear, a chionn gum b’e sin an doigh air teachd chum a bhaile-san, agus gu’n gabhadh i còmhnuidh am feasd na fhianuis-san le gairdeachas.” Le so a leughadh bha i ann an aiteas ro-mhòr; agus thuirt i ris, Am bi thusa co math agus gun iomchair thu mise agus mo chlann leat, chum gun tabhair sinne mar an ceudna aoradh do’n Righ. As sin thuirt an t-aoidhe rithe, ’S eigin gum bi an searbh air thoiseach air a mhilis. ’S fheudar dhuit dol roi chruaidh-chais, mar rinn e-san a chaidh air thoiseach ort, chum dol a steach do’n bhaile neamhuidh. Air an aobhar sin Chomhairlichinn duit a dheanamh mar rinn Criosduidh t-fhear. Imich chum an doruis chumhang a tha taobh eile a chòmhnaird ud, oir tha e aig ceann na slighe san eigin duit imeachd; agus guidheam dhuit deagh shoirbheachadh. Chomhairlichinn duit mar an ceudna an litir sin a chuir a d’ bhrollach, chum gun leugh thu fein agus do chlann i gus am bi i agaibh air ur meoghair. Oir is e na h-innte aon de na h-òrain is eigin duit a ghabhail am feadh a bhitheas tu ann an tigh so do chuairt; ’s eigin duit cuideachd, a liuthairt aig ceann eile na slighe. Salm cxix. 55. A nis air leam gun robh an seann duine so e fein fo mhòr thiomadh am feadh a bha e ’g aithris an sgeula so dhomh. Ach thuirt e rìs rium, gun do ghairm a Bhana-Chriosduidh a clann d’a h-ionnsuidh, agus thuirt i riu: A chlann, bha mise o chionn ghoirid, mar mhothaich sibh, fo mhòr thriobluid mu bhàs ur n-athar; cha’n e gu bheil ag sam bith agam na shonas. Bha mòran iomaguin orm cuideachd mu’m chor fein agus m’ur cor-sa, ni tha mi an làn bharail gu bheil sinn a thaobh nàduir ro-thruagh. Tha fòs mo ghiulan d’ar n-athair na chruaidh-chas agus na aobhar triobluid do m’ chogais; oir bha mi fein, agus thug mi oirbhse, bhi ro mhi-chneasda ris, agus dhiult sinn falbh leis. Chuireadh bhi smaoineach air na nithe sin as domh gu buileach, mar biodh arson bruadair a chunnaic mi’n raoir, agus a mhisneach a thug an duine so dhomh an diugh. [TD 154] Thigibh a chlann, agus cuireamaid sinn fein mar n-uidheam gu dol a dh’ionnsuidh an doruis, a tha treoruchadh chum na dùchadh neamhuidh; chum gum faic sinn ur n-athair, agus gum bi sinn maille ris-san agus r’a chòmbanaich ann an sìth, a réir gnàth an àite. An sin bhris an gal air a chloinn le h-aoibhneas, a chionn gun robh am màthair sa bheachd sin: ghabh an coigreach a nis beannachd leo: agus thòisich iadsan ri deanamh arson an turuis. Ach am feadh a bha iad a’ deanamh deas, thainig dithis bhan a bha ’n am bana-choimhearsnaich aca chum an doruis, agus bhuail iad: Ris an dubhairt i ceart mar thuirt i roimhe. Chuir so ìoghnadh air na boirionnaich; oir cha robh iad cleachdta ri leithid a chluintinn uaipe: gidheadh thainig iad a stigh; ach feuch bha iad a’ deanamh deas chum an tigh fhàgail. Mar so thòisich iad ri ràdh, a Bhana-Choimhearsnaich, ciod is ciall da so? Fhreagair a Bhana-Chriosduidh, agus thuirt i ris an té bu shine dhiubh, d’am b’ainm Cion-cruadail, Tha mi gu falbh air turus. Bi’n Cion-cruadail so nighean an fhir a choinnich Criosduidh air mullach bruthach na-h-Eigin, agus leis am b’àill a thoirt air pilleadh le eagal nan leomhann. Cion. Ciod an turus air a bheil thu gu triall? Bana. Tha mi dol an déigh m’fhir; agus le sin a ràdh, bhrùchd i mach a caoineadh. Cion. Tha dòchas agam nach ’eil, a dheagh bhana-choimhearsnaich; guidheam ort air sgàth do chloinne, na toir buil co neo-fhiachail asad fein. Bana. Cha ’n ann mar sin a bhitheas, theid mo chlann uile maille rium. Cion. ’S iongantach leam cionnas a thainig sin a d’ bheachd. Bana. Nam biodh tusa co fiosrach ’s a tha mise, cha ’n ’eil teagamh agam nach falbhadh tusa leam cuideachd. Cion. Ciod an t-eolas ùr so a fhuair thu, a tha ged chuir am fiadh air do chàirdean, ’sa tha ged bhuaireadh gu dol taobh nach aithne dhuit? [TD 155] Bana. An sin thuirt a Bhana-chriosduidh rithe, Bha mi fo mhòr iomaguin o’n a dh’ fhalbh m’ fhear, ach ’s e a tha cuir na-h-urrad dhragh orm co mhi-shuairce ’s a bha mi ris am feadh a bha e fo thriobluid. Tha mi fein a nis mar bha e-san san àm sin; cha toilich aon ni mi ach falbh air chuairt. Bhruadair mi’n raoir gum faca mi e! O nach robh m’anam maille ris! Tha e a thàmh am fianuis Righ na tìre; tha e ’g ith agus agus ag òl aig an aon bhòrd ris; is combanach do mhuinntir neo-bhàsmhor e; agus tha tigh còmhnuidh air a thoirt da, ris nach ’eil an lùth-chuirt is maisich air thalamh an coimeas ris ach mar dhùn-aolaich. 2 Cor. v. 1, 2, 3, 4. Chuir Uachdaran an àite fòs fios orm, le gealladh gu’n gabh e rium ma ruigeas mi; bha theachdaire an so o chionn ghoirid, agus thug e litir chuiridh dhomh gu teachd. Agus le sin a ràdh, spion i’n litir as a brollach, agus leugh i dhoibh i, agus thuirt i’n sin riu, Ciod a nis ur barail mu’n chùis? Cion. Tha agam fein barail amaideach uime. Air leam gur truagh am buaireadh a thainig ort fein agus air t-fhear dol a ruidh a choilion cunnart gun fhios c’arson: ’s cinnteach mi gu’n cuala tu an sàruchadh a fhuair t-fhear na cheud oirp, mar dh’ fhaodas do choimhearsnach Ceann-laidir innse dhuit, oir bha e leis; seadh agus Socharach cuideachd, gus nach dùraigeadh iad, o’n a bha iad glic, dol ni b’ fhaide. Chuala sinn a thuilleadh air sin mar thachair e air na leomhainn, Apoluon, air sgàile Bhàis, agus ioma ni a bharr orra sin. Agus cha’n e’n cunnart san robh e aig Féill an diomhanais bu lughadh: oir ma bha e-san a bha na dhuine air a dheuchainn co mòr, ciod ris am bi fiuthair agad a a thig riutsa nach ’eil ach ad bhoireannach bochd lag? Cuimhnich cuideachd air a cheathrar leanaban so, ciod a ni iad. Air an aobhar sin ged a bhiodh tu caoin shuarrach umad fein, shaoilinn air ghaol do chloinne gum bu chòir dhuit fuireach aig an tigh. Ach thuirt a Bhana-chriosduidh rithe na teann ri m’ bhuaireadh: tha geall air a chuir am laimh chum a bhuannachd, agus b’òiseach mi ’ga rìreadh mar d-thugainn oirp air a chosnadh. Agus tha gach ni a dh’innis thu, a b’ ion domh fiuthair a bhi agam ris air an t-slighe, co fad o mhi- [TD 156] mhisneach a thoirt domh, ’s gur ann a tha iad a’ deachdadh dhomh gu bheil m’ oirp ceart. ’S eigin gun d-thig an searbh roi’n mhilis, agus fàgaidh sin am milis ni’s ro-bhlasda. Agus o nach ann an ainm Dhe a thainig thu do m’ thigh, mar labhair mi, guidheam ort bi ga fhàgail, agus na cuir tuille dragha orm. An sin thòisich Cion-cruadail r’a càineadh, agus thuirt i r’a bana-chombanaich Tròcair, fagamaid leatha fein i; cha’n ’eil meas aic aon chuid air ar cuideachd no air ar chomhairle. Ach bha Tròcair san iomachomhairle ciod a dheanadh i, arson da aobhar, 1. Bha truas aice ris a Bhana-chriosduidh, agus air leatha gun rachadh i tamull leatha air a turus chum a còmhnadh. 2. Dh’fhàs truas aice da h-anam fein, oir dhrùigh na thuirt a Bhana-chriosduidh orra co mòr, ’s gun dubhairt i rithe fein, bithidh fathast tuille seanachais agam rithe; agus ma thuigeas mi gur i ’n fhirinn a bhios aice, falbhaidh mi leatha air fad. Agus thuirt Tròcair ri Cion-cruadail: Tròc. A Bhana-choimhearsnaich, thainig mi an so leatsa sa mhadainn a dh’fhaicinn na mnà so; agus o’n a tha i cuir roipe a dùthaich fhàgail bheir mi sràid leatha ris a mhadainn bhaoisgeil so, chum còmhnadh leatha air a turus. Ach cha d’innis i dhi an dara aobhar. Cion. Ro mhath, tha mi faicinn gu bheil a rùn ortsa bhi d’ òisich cuideachd: Ach thoir an aire dhuit fein na thrà: is usa fuireach a cunnnart no teachd as ’n uair a théid sinn ann. Mar so phill Cion-cruadail dhachaidh; agus dh’fhalbh a Bhana-chriosduidh air a turus. Ach an uair a chaidh Cion-cruadail dhachaidh, chuir i fios air cuid da bana-choimhearsnaich, eadhon air Doilleir, air Cion-smaoinich, air Guanaig, agus Aineolach: Agus an uair a thainig iad, thòisich i ri innse dhoibh mu’n Bhana-chriosduidh, agus mu’n turus air an robh i los imeachd, Agus thuirt i mar so; Cion. A chionn gun robh mi sa mhadainn air bheag r’a dheanamh, smaoinich mi gun rachainn a dh’ fhaicinn Bana-chriosduidh; ’s an uair a thainig mi’n dorus, bhuail mi, mar is gnàth leinn; agus fhreagair i, Ma’s ann an ainm Dhe a tha thu teachd, thig a stigh. Chaidh mi steach, an dùil gun robh gach ni mar bu chòir dha bhith: [TD 157] Ach an uair a chaidh, thuig mi gur h-ann a bha i ga deanamh fein agus a cuid cloinne deas chum am baile fhàgail. Dh’ fheòraich mi dhi ciod bu chiall di, agus thuirt i rium gun robh a mhiann orra falbh air chuairt mar rinn a fear. Dh’innis i mar an ceudna dhomh bruadar a chunnaic i, agus mar chuir Righ na dùchadh sam bheil a fear, litir chuiridh ga h-ionnsuidh chum dol ann. An sin thuirt Aineolach, An saoil thu am falbh i? Cion. Falbhaidh gun teagamh, ge b’e ni a thachras di a rithist: oir shoilleirich mise dhi gach cunnart a thige na caramh le sin a dheanamh; ach san a chuir sin ni bu déine i chum a ghabhail os laimh. Oir thuirt i rium, Gum b’eigin do’n t-searbh bhi air thoiseach air a mhilis: ’sa chionn leis a sin gum fàg e am milis ro-thaitneach. Doilleir. Mo thruaighe a bhean bhochd dhall sin thuirt i; agus cha ghabh i rabhadh o àmhghair agus ànradh a fir? Shaoilinn fein nam biodh e-san an so a rìs gum biodh e deonach fuireach tuille aig an tigh, gun dol a ruidh a choilion cunnart gun fhios c’arson. Thuirt Cion-Smaoineacha mar an ceudna, As a bhaile do gach òiseach fhaoin mar tha ise; is math an gnothach bhi cuibhte dhiubh; oir nam fanadh i agus a bhi sa bheachd sin, Cò a b’ urrainn a fulang? Bhiodh i an da chuid neo-aoidheil agus mi-chòmbanda: agus labhraidh i mu nithe nach toigh le aon neach glic iomra chluintinn air: uime sin cha bhi duilichin sam bith orm fein a chionn i dh’fhalbh: falbhadh i roipe, agus ga ma fearr na thig na h-àite. Cha robh ’n saoghal riamh ceart o’n a bha sluagh co iongantach air fheadh. An sin thuirt Guanag, Leigeamaid dinn an seanachas so. Bha mi’n dé ann an tigh Mhacnuis, agus bha sinn co cridheil sa b’ fheairde sinn: Oir cò air leibh a bh’ann uile, ach mi fein agus Miannach, agus triuir no chearthar eile: Bha againn ceol agus damhsa, agus ioma culai shòlais eile. Ach mu’n àm so bha Bhana-chriosduidh agus a clann air an turus, agus chaidh Tròcair maille rithe; Agus thòisich a Bhana-chriosduidh ri seanachas, agus thuirt i, A Thròcair, is sochair so ris nach robh fiuthair agam, gum falbhadh tusa re tamuill leam air mo thurus. Troc. An sin thuirt an cailin òg Tròcair, nan saoilinn [TD 158] gum b’ann a chum mo leas a bhitheadh e, cha phillinn tuille chum a bhaile. Bana. Ro mhath ma ta, a Thròcair, gabh cuid do chunnairt leamsa; ïs math a tha fhios agamsa ciod a dh’ éireas duinn. Cha deanadh m’fhear iomlaid air an ionad sa bheil e air òr na Spàinnde: Cha mhò chuirear idir cùl riutsa ged is ann air m’ iartas a ruigeas tu. Tha’n Righ a chuir fios orms’ agus air mo cloinn a’gabhail tlachd ann an tròcair. Osbarr ma dh’fhalbhas tu leinn, cuiridh mise muinntearas ort, agus bithidh tu ad sheirbhiseach againn. Gidheadh bithidh gach ni co’-ionann eadaruinn; a mhain falbh leinn. Tròc. Ach cionnas a bhios fios agam gu’n gabhar riumsa mar an ceudna? Nam faighinn an gealladh o aon gam b’ aithne e, cha sòrainn falbh; nan deanta mo chòmhnadh leis-san is urrainn e, rachainn air m’ aghaidh ge b’e air bith co dochdair ’s a bhiodh an t-slighe. Bana. Ro mhath, a Thròcair ghràdhaich, innsidh mise dhuit ciod a ni thu: Falbh leamsa gus an ruig sinn an dorus cumhang, agus ni mis an sin am barrachd fiosrachaidh umad; agus mar faigh thu misneach chum dol air t-aghaidh, an sin bithidh mise deonach gum pill thu: ni mi mar an ceudna coi’-leasucha riut arson a chuidich a tha thu deanamh dhomh fein agus do m’ chloinn air an t-slighe. Tròc. Ma ta theid mi air m’aghaidh, agus chi mi ciod a thachras domh: agus gun deonaicheadh Dia dhomh gum bi mo chrannchur san àite sin, mar iadsan is caomh le Righ nam flaitheas. Bha gairdeachas air a Bhana-chriosduidh, cha’n ann a mhain a chionn gun robh bana-chombanach aic air an t-slighe, ach a chionn gun do chuir i impidh air an nighinn so spéis a thoirt d’a slainte shiorruidh fein. Mar so dh’imich iad le chéile, agus thòisich Tròcair ri caoineadh. An sin thuirt a Bhana-chriosduidh rithe, a phiuthar c’arson a tha thu ’gul? Troc. Mo thruaighe! thuirt i, Cò air nach biodh bròn, smaoineach air a chùis, mar tha mo chàirdean truagh ann an cor co cunnartach sa bhaile pheacach a dh’fhag sinn: agus tha e cuir an tuille triobluid orm nach ’eil neach sam [TD 159] bith ann a s heolas doibh an cunnart anns a bheil iad. Bana. Buinidh bhi tiom-chridheach do luchd-cuairte; agus tha iomaguin orts’ arson do chàirdean mar bha air Criosduidh mu’n d’fhàg e mise; bha bròn air chionn nach éisdinnse ris; ach thaisg a Thriath fein agus ar Triath-ne a dheoir suas na shearraig, agus tha thus’ agus sinne a buain an toraidh agus an sochair. Tha dòchas agam a Thròcair, nach bi na deoir sin agadsa càillte; oir thuirt an fhìrinn, Gum buaineadh iadsan a chuireadh le deuraibh le gairdeachas. Agus e- an a théid a mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sil, gu cinnteach thig e arìs le gairdeachas, aig iomchar sguab. Salm cxxvi. 5. 6. An sin thuirt Tròcair, Ma’s deònach leis an Ard-righ e, Mo stiùradh anns gach càs: A’s mo thoirt chum a thulaich naomh, Le chumhachd, a’s le ghràs. ’S na leigeadh e leam uair sam bith, Claonadh o’n t-slighe chòir; Ach deanadh e mo chumail suas, An cian a bhios mi beo. Is cruinnicheadh e na dh’fhàg mi m’ dhéigh, Gu thoil, gun deanar leo; ’S thoirt orr’ a ghuidh gum bi iad leis; ’S an gabhail suas chum glòir. Lean mo sheana chombanach air a naigheachd, agus thuirt e, An uair a thainig a Bhana-Criosduidh chum Slochd na Mi-mhisnich, thòisich i ri eagal a ghabhail; oir thuirt i, ’s e so an slochd a theab cuir as do m’ chaomh leth-bhreachd. Chunnaic i, a cheart aindeoin àithn an Righ chum a chàramh, gun robh e pailt na bu mheasa na bha e roimhe: agus dh’ fheòraich mi dheth an robh e mar sin? Thuirt e rium gun robh; agus gun robh mòran a’ gabhail os laimh a bhi nan seirbhisich aig an Righ, agus a ròidean mòr a chàramh, a tha toirt aolaich agus salachair d’a ionnsuidh, an ionad chlach; agus a tha leis a sin ga mhilleadh, an âit’ a chàramh. Sheas a Bhana-Chriosduidh agus a clann aig bruaich an t-sluichd; ach thuirt Tròcair, Thugamaid oirp air dol thairis; ach a mhain bitheamaid faicilleach. An sin ghabh iad sàr-bheachd air a chlachran, agus chaidh iad san turrachdail thairis. [TD 160] Ach is ro-bheag a bha eadar a Bhana-Chriosduidh agus a bhi ann uair no dha. Ach cha luaithe thainig iad thairis na chual iad guth ag ràdh riu, Is beannuichte ise a chreid; oir coilionar na nithe a labhradh rithe leis an Tighearna. An sin dh’imich iad a rithist air an aghaidh, agus thuirt Tròcair rithe, Nam biodh na h-urrad bharantais agamsa gun gabhta rium aig an dorus chumhang ’sa th’ agadsa, shaoilinn nach cuireadh slochd na Mi-mhisnich eagal orm. Thuirt a Bhana-Chriosduidh rithe, tha t-aobhar eagail fein agadsa, agus tha sin agamsa cuideachd: agus cha’n eagal nach bi ni’s leoir de dh’aobhar gearain againn uile m’an ruig sinn ceann na h-uidhe. Oir cha ’n ion a bhi ann am barail, gum bi sluagh air a’ bheil a rùn glòir co àghmhor fhaotainn ’s a tha sinne; agus ris a’ bheil na h-urrad fharmaid arson an t-sonais sin ’sa tha ruinne, nach tachair riu iomad culaidh eagail, rioba, agus gach cruaidh-chas, a dh’fhaodas iadsan air am beag sinn, a chuir ’n ar caramh. An sin dhealuich sinn, agus cha d’ aithris e tuille ga sgeula dhomh. Uime sin air leam gum faca mi am aisling, gun deachaidh a Bhana-Chriosduidh, Tròcair agus a chlann suas chum an doruis: agus an uair a thainig iad, chuir iad an comhairle r’ a chéile cia mar dheanadh iad, agus ciod a theireadh iad ris-san a dh’fhosgladh an dorus doibh. Shunraich iad a nis, o’n is i a Bhana-Chriosduidh a b’ aosmhoire, gum buaileadh ise, agus gun labhradh i arson chàich chum am faighinn a stigh. Mar sin thòisich i ri bualadh, agus mar rinn a fear, bhuail i a rìs agus a rìs. Ach an àite aon neach a thoirt freagradh dhoibh, ’s ann air leo gun cual iad mada garg a’ comhartaich a’ teachd d’ an ionnsuidh; agus chuir so eagal air na boirionnaich agus air a chloinn. Cha mhò bha chridhe aca, re seal, bualadh a rìs, air eagal gun d thugadh an cù ionnsuidh orra. Bha iad a nis air an cùradh gu geur gun fhios aca ciod a b’ fhearr dhoibh a dheanamh. Cha robh chridhe aca leis a chù bualadh, cha mhò bha chridhe aca na rachadh air an ais m’am faiceadh an dorsair iad, agus gun gabhadh e mìothlachd riu. Ach mu dheire chuir iad rompa bualadh, agus sin ni bu treise na rinn iad roimhe. [TD 161] An sin thuirt an dorsair, Cò tha ’n sin? An so sguir am mada a chomhartaich riu, agus chaidh an dorus fhosgladh. An sin rinn a Bhana-Chriosduidh ùmhlachd gu làr dha, agus thuirt i ris, Na biodh corruich air ar Tighearna r’a bhan-òglaichibh, a chionn gun do bhuail sinn aig a dhorus àluinn. An sin thuirt an dorsair, Cia as a thainig sibh? agus ciod a b’àill leibh fhaotainn? Fhreagair a Bhana-Chriosduidh, agus thuirt i, Thainig sinne as an aon àite ri Criosduidh, agus air a ghnothach cheudna; eadhon mu ’s toil leats’ e, gu’n gabhar a stigh sinn air an dorus so, chum faighinn air an t-slighe a tha treoruchadh chum a bhaile nèamhaidh. Agus thuirt i a thuille ris, gum b’ise bha aon uair na mnaoi aig Criosduidh, a tha nis a chòmhnuidh san dùthaich nèamhuidh. Nuair a chual an dorsair sin bha ìoghnadh air, agus thuirt e, Am bheil ise a nis air a turus, a bha o cheann ghoirid co fuathach mun dòigh sin? An sin chrom i a ceann, agus thuirt i, Tha, agus mo chlann bheag cuideachd. An sin ghabh e air laimh i, agus thug e steach i, agus thuirt e, Ceadaichibh do chloinn bhig teachd am ionnsuidh; agus le sin a ràdh dhruid e an dorus. Le so a dheanamh, thug e àithne do dh’fhear ciùil a bha gu h-àrd, ceol a sheinn do Bhana-chriosduidh le h-iolaich, le fuaim trompaide, a’ deanamh gairdeachais. Fhreagair an duine agus sheinn e le ceol leadurra ro-bhinn. Ach bha Tròcair bhochd fad na h-ùine so na seasamh a muigh, air bhall-crith agus ag éigheach, air eagal gun do chuireadh air cùl i. Ach an uair a fhuair an té eile agus a clann a stigh, thòisich i ri eadar-ghuidhe a dheanamh as leth Tròcair. Bana. An sin Thuirt i, A Thighearna, tha bana-chombanach agam a tha na seasamh a muigh, a thainig an fheadh so air a cheart ghnothach air an d-thainig mise: Aon a tha fo mhòr mhi-mhisnich: a chionn, air leatha, gu bheil i air tighinn gun chuireadh: am feadh a fhuair mise cuireadh teachd o Righ m’fhir. Anis bha Tròcair ro neo-fhoigh’dneach leis mar bha i [TD 162] na seasamh aig an dorus; uime sin cha do leig i le bana-chombanaich a sgeul uimpe aithris air fad, aig a ro-chruaidhead ’s a bhuail i an dorus. Bhuail i e co laidir ’s gun do chlisg an té bha stigh. An sin thuirt an dorsair, Co tha’n sud? Agus fhreagair a Bhana-chriosduidh, Is i mo bhana-charaids’ a th’ ann. Le sin a chluintinn, dh’fhosgail e’n dorus, agus sheall e a mach; ach bha Tròcair san àm so air tuiteam seachad na neul; oir thainig laigsinn orra, le eagal nach rachadh an dorus fhosgladh dhi. An sin rug e air a laimh, agus thuirt e rithe, A chailin, éirich. Och! thuirt i, tha mi ro-lag; ’s gann a tha beatha annam. Ach a deir e, gun dubhairt aon àraidh, ’N tra lag air m’ anam an taobh a stigh dhiom, chuimhnich mi air an Tighearn, agus thainig m’ ùrnuigh a d’ ionnsuidh gu d’ theampull naomh, Ion. ii. 7. Na biodh eagal ort, ach seas suas, agus innis domhsa c’arson a thainig thu ’n so. Tròc. Thainig mi gun chuireadh, cha’n ionann ’s mar thachair do Bhana-chriosduidh. Bha a cuireadh-sa o’n Righ, ach cha robh agams’ ach cuire uaipe-sa. Uime sin bha mi co dàna. An d’iarr i ort teachd leatha chum an àite so? Tròcair. Dh’ iarr i; agus thainig mi, mar tha mo Thriath a faicinn; agus ma tha bheag de ghràs, no de maitheanas peacaidh r’a sheachnadh, guidheam ort gum faigh do bhan-oglach cuibhrionn deth. An sin ghabh e a rìs a làmh, agus threoraich e gu foill a stigh i, agus thuirt e, Tha mi guidhe as an leth-san uil a chreideas annam, ge b’e seol air an d-thig iad am ionnsuidh. An sin thuirt e riusan a bha ’nan seasamh a làthair, thugaibh ni-eigin d’a h-ionnsuidh, chum gun cuir fhàileadh a laigsinn air falbh; agus thug iad bad de luibh chùbhraidh ann, agus dh’ ath-bheothaich i. Bha a nis a Bhana-chriosduidh a clann, agus Tròcair air an gabhail a stigh leis an Tighearn a th’ aig ceann na slighe, agus labhair e gu caoimhneil riu. An sin thuirt iad a bharrachd ris, tha sinn dubhach arson ar peacaidh, agus tha sinn ag iarruidh maitheanas air ar Triath air an [TD 163] son, agus an tuille fiosrachaidh mu ni’s còir dhuinn a dheanamh. Dheonaich mi maitheanas duibh, deir e, an guth agus an gniomh; an guth le gealladh air maitheanas; an gniomh leis a mhodh air an d’ fhuair mi e. Gabhaibh a cheud chuid o m’ bhilibh le pòig, agus an ni eile mar dh’ fhoillsichear e. Dàin. i. 2. Eoin xx. 20. A nis chunnaic mi am aisling, gun do labhar e ioma deagh fhocal riu, leis an robh iad ro ait. Thug e suas iad gu bràighe a gheata, agus nochd e dhoibh an gniomh a bha r’ an saoradh; agus thuirt e riu gun rachadh sin a lege ris doibh air an t-slighe chum sòlas a thabhairt doibh. Le so a ràdh dh’fhàg e re tamuill bhig iad ann an seòmar làir, far an do thòisich iad air còmhradh ri chéile: Agus mar so thionnsgain a Bhana-Chriosduidh. O Thighearna! ’s aoibhneach mi gun d-thainig sinn an fheadh so! Tròc. ’Smath is còir dhuit sin: ach tha ’m barrachd aobhair gairdeachais agamsa na th’ aig aon neach eile. Bana. Shaoil leam aon uair, an trà bha mi ’m sheasamh aig an dorus, agus nach robh neach a’ tighinn ga fhosgladh, gun robh ar saothair uile caillte, gu h-àraidh ’n uair a rinn am mada gràineil ud na h-urrad chomhartaich ruinn. Tròc. Ach ’se eagal bu mhò a bh’ ormsa, ’n uair a chunnaic mi gun do ghabh e sibhse a steach, ’s gun deachaidh mis fhàgail a muigh, Gur e air leam, gun robh e nis air a cho’-lionadh, Gum biodh dithis bhan a’ bleith cò-lath, gun gabhar a h-aon aca, agus gum fàgar an aon eile. Mat. xxiv. 41. ’S beag a bh’eadar mi agus a glaodhaich amach, Gun robh mi caillte? Agus bha sgàth orm bualadh tuille; ach an uair a sheall mi suas, ’sa chunnaic mi an sgrìobhadh a bha os ceann a gheata, ghlac mi misneach. Air leam gum b’ eigin domh an darna cuid bualadh no bhi caillte gu tur. Mar sin bhuail mi, ach leis mar bha mi co iomaguineach, cha’n aithne dhomh cia mar rinn mi e. Bana. Nach urrainn duit innse cia mar bhuail thu? Gu deimhin bha do bhuillean co dùrachdach, ’sgun d’thug an fhuaim orm clisge; air leam nach cuala mi a [TD 164] leithid riamh. Shaoil mi gun d-thige tu stigh le ainneart, no gun glacadh tu ’n rioghachd le lamhachas laidir. Mat. xi. 12. Tròc. Mo thruaighe! co bhiodh am àite nach deanadh mar sin? Chunnaic thu gun robh an dorus air a dhruideadh orm, agus gun robh mada garg dlù dha. Cò ma ta a bhiodh co meath-chridheach ’sa bha mise nach buaileadh le’n uile neart? Ach ciod a thuirt mo Thighearna ri m’ ladurnas? An robh diom air rium? Bana. An uair a chual e ’m farum a rinn thu, rinn e smèide gàire: tha mi’m barail gun do thaitinn na rinn thu gu math ris, oir cha robh coslas mìothlachd sam bith air. Ach ’s ìoghnadh leam gu bheil e ’gleidheadh cù co coimheach gharg ris a mhadadh ud: Nam biodh fios agam e bhi ann, cha bhiodh do mhisnich agam na thige na charamh. Ach o’n a tha sinn a nis a stigh, tha mi toilichte mar thachair. Tròc. M’as toil leat e, feoraichidh mise dheth c’ar son a tha e gleidheadh cù co mìobhail ris a mhadadh ud: Tha dòchas agam nach gabh e gu h-olc e. Dean sin, thuirt a chlann, agus earalaich air a chrochadh; oir tha eagal oirne gu’n gearr e sinn ’n uair a dh’fhalbhas sinn. Agus thainig e a nuas d’an ionnsuidh, agus thuit Tròcair sios na fhianais le h-aghaidh ri làr, agus rinn i aoradh, agus thuirt i, Gabhadh mo Thighearna a nis ris an iobairt mholaidh a bheir mi dha a thig a mach a dorus mo bhilibh. Agus thubhairt e rithe, Sìth gun robh dhuit, Seas suas. Ach bhuanaich i air a h-aghaidh, agus thuirt i, Is ceart thusa, O Thighearna, ’n uair a thagram riut: gidheadh ceadaich dhomh labhairt riut mu thimchioll do bhreitheanais. Ier. xii. 1. C’arson a tha thu gleidheadh mada co garg dlù air an dorus; cuiridh sealladh dheth eagal air mnathan agus air cloinn mar tha sinne, ionnas gum bi iad ullamh gu teicheadh air falbh leis an eagal? Fhreagair e i ag ràdh, Cha mhis idir sealbhadoir a choin sin; tha e fo chuibhreach air fearann duin eile, cha n ’eil ach mo luchd- cuairte-sa a’ cluintinn a chomhartaich: Buinidh e do’n daighneach a chi sibh thall ud, ach [TD 165] ’s urrainn da teachd ga ruig bun a bhallaidh so. Is iomad fear-cuairt bochd air an do chuir e eagal o olc gu ni ’s fearr, le gharbh dhonnalaich. Cha ’n ann o aon rùn math dhomhsa no dh’aon neach a bhuineas domh a tha e ga ghleidheadh, ach a chum gu’n cumadh e an luchd-cuairt o theachd am ionnsuidh, ’sa chum gum bi eagal orra teachd a bhualadh aig a gheata, chum gum faigh iad a steach. Bhris e air uairibh a mach, agus bheubainich e cuid diubhsan a b’ ionmhuinn leam; ach tha mi giulan leis san àm gu foighidneach. Tha mi mar an ceudna a’ deanamh còmhnadh tràthail ri m’ luchd-turuis, chum nach toirear thairis iad da laimh, chum e dheanamh na b’àill leis riu. Ach! shaoilinn m’ aon shaorta, gum biodh na h-urrad fhiosrachaidh agad roi-laimh ’snach cuireadh madadh eagal ort. Is fearr leis an deòradh a tha sire na déirce o dhorus gu dorus, no a dhéirc a sheachnadh, dol fo mheachainn donnalaich, comhartaich agus theagamh teumadh coin cuideachd; agus an cum cù ann an lios fir eile, a tha mise toirt air a chomhartaich tionnda mach chum buannachd mo luchd-cuairte, aon neach o theachd am ionnsuidh? Saoraidh mi iad o na leomhannuibh, agus m’aon ghràdh o neart a’ mhadaidh. Tròc. An sin thuirt Tròcair, Tha mi ’g aideacha m’ aineolais: Labhair mi mu ni nach do thuig mi: Tha mi ’g aideacha gu bheil thu deanamh gach aon ni gu ro cheart. Bana. An sin thòisich a Bhana-Chriosduidh air labhuirt mu’n turus, agus a’feòraich mu thimchioll na slighe. Bheathaich e iad, agus nigh e ’n cosan, agus chuir se iad ann an slighe a chos cheumaibh, a reir mar bhuin e r’a fear roimhe. Chunnaic mi an sin am aisling gun d’imich iad air an t-slighe, agus bha’n latha freagarrach dhoibh. An sin thoisich a Bhana-Chriosduidh ri gabhail an orain so, ’S beannuicht an là a dh’inndrinn mi, Air turus so nam buadh: Is beannuichte mar sin gu ’n robh, Am fear a chuir e ’m chluais. B’ fhad bha mi fòs mu’n d’inndrinn mi, Air beatha dhiadhaidh chòir, [TD 166] Ach tha mi nis le m’ uile neart, A’ triall ann ga m’ cheart deoin. Ar deoir gu aiteas chaochail thu, ’S gu earbs ar n-eagal phill: Gun nochd mar bha ar toiseach fòs Mar bhios sinn aig ar crìch. A nis bha air taobh eile a bhalladh, a dhruid a stigh an t-slighe air an robh a Bana-Chriosduidh agus a cuideachd ri imeachd, lios, a bhuineadh dha-san aig an robh madadh na donnalaich, m’an do labhradh roimhe. Agus bha meanglain cuid de na craobhaibh meas a’ lùbadh thar a bhalladh; agus air de’n mheas a bhi taitneach do’n t’ sùil, bha iadsan a bha dol seachad gan tional agus gan ithe chum an cron. Mar sin bha clann na Bana-Chriosduidh, mar is tric le cloinn a dheanamh, ag amharc le taitneachd air a mheas, agus dh’th iad cuibhrionn deth. Bha ’m màthair gan cronachadh a chionn sin a dheanamh; ach bha iadsan ris. Tha sibh a dol am mearachd, a chlann, thuirt, i oir cha bhuin am meas sin duinne: Ach cha robh fios aice gum bu leis an nàmhuid e; oir nam bitheadh, cha bu bheag a h-eagal. Ach chaidh sin seachad, agus dh’imich iad air an turus. Air dhoibh a nis a bhi tamull beag air falbh, chunnaic iad da fhear ro dhuaichnidh a’ teachd nan cò’-dhail. Le sin fhaicinn chòmhdaich na boirionnaich iad fein le ’n gnùis-bhrataibh, agus lean iad air an turus; agus bha chlann rompa; ach thachair iad air a chéile. An sin thainig na fir a choinnich iad gu neo-sgàthach nan coinneamh mar gu ’m biodh iad a’ dol gam pògadh: ach thuirt a Bhana-chriosduidh riu, iad a dh’ fhuireach air an ais, no iad a dhol seachad gu sàmhach mar bu chòir dhoibh. Ach thug iad cluas-bhodhar do na thuirt i, agus thòisich iad ri breth orra; chuir so corruich air a Bhana-chriosduidh, ionnas gun d-thug i beum dhoibh. Rinn Tròcair mar an ceudna gach ni a dh’ fhaod i chum an seachnadh. Thuirt iad riu a rìs iad a sheasamh air an ais, agus gun dragh a chuir orra-san, a chionn nach robh airgiod aca r ’a chall, do bhrìgh nach ’eil annainn ach luchd-turuis [TD 167] mar a chi sibh, ’s a tha teachd beo air tabhartas ar cairdean. Daoine. An sin thuirt fear dhiubh riu, cha ’n e ur n-airgiod a tha dhì oirn, ach sann thainig sinn a dh’ innse dhuibh mu dheonaicheas sibh aon iartas beag a leige leinn, gun dean sinn nar boirionnaich sibh gu siorruidh. Bana. Thuig a Bhana-chriosduidh ciod a bha dhì orra, agus thuirt i riu, Cha tabhair sinn aon chuid éisdeachd no géill duibh ’s na tha sibh ag iarruidh. Tha sinn an cabhaig, agus cha ’n fhaod sinn moille dheanamh; uime sin leigibh leinn imeachd. An sin thug i fein agus a cuideachd an ath-ionnsuidh air falbh uatha; ach cha leigeadh iad leo. Daoine. Cha dean sinne, thuirt iad, coire sam bith dhuibh a thaobh ur beatha; is ni eile a b’àill leinn fhaotainn. Bana. Thuirt a Bhana-chriosduidh riu, B’àill leibh ar faotainn eadar chorp agus anam; oir tha fios agam gur ann arson sin a thainig sibh, ach s’ fearr leinne am bàs fhaghail ann an so no gèilleadh dhuibh, ni a chuireas sinn ann an cunnart an diaigh laimhe. Le sin, a ràdh ghlaodh iad le chéile gu h-àrd, Mortadh, Mortadh, agus chuir siad iad fein fo dhion an reachd sin do bhoirionnaich, Deut. xxii. 25, 26, 27. Ach thug na daoine sìor oirp orra, chum buadhacha nan aghaidh. Air an aobhar sin dh’éigh iad a rìs. Ach a chionn nach robh iad ach goirid air falbh o’n gheata, chual iad an glaodh ’n uair a bha iad gan sàruchadh, agus air dhoibh guth na Bana-chriosduidh aithneachadh, thainig iad le cabhaig gan ionnsuidh. Ach mun àm an d-thainig iad san fhradharc, bha na mnài air an cruaidh dheuchainn; bha chlann mar an ceudna a’ sìor chaoine. An sin thuirt e-san a thainig gu’n còmhnadh ris na daoinibh mi-chneasta sin, Ciod e so a tha sibh a’ deanamh? Am b’ àill leibh a thoirt air sluagh an Tighearna dol am mearachd? Thug e cuideachd oirp air an glacadh, ach dh’ fhàg iad e, thar a bhalladh do lios an fhir gam buineadh am madadh; agus bha’n cù gan dìon. Thainig am fear-cobhair so far an robh na mnài, agus dh’ fhiosraich e dhiubh cionnas a bha iad? Buidheachas do d’ Righ-se, thuirt iad, tha sinn a nis [TD 168] gun aobhar ghearain, ach ghabh sinn beagan eagail. Tha sinn mar an ceudna ad chomain-se arson teachd gar còmhnadh, no bheireadh iad buaidh oirne. Fcar. Thuirt am Fear-cobhair riu, B’ ioghnadh leamsa, ’n uair a fhuair sibh gabhail ruibh co math aig a gheata gu h-àrd, air dhiubh fios a bhi agaibh nach robh sibh fein ach lag, nach d’asluich sibh gu’n cuireadh an Tighearna fear-iùil leibh; an sin dh’ fhaodadh sibh an cunnart agus an triobluid so a sheachnadh; oir dheonaicheadh e dhuibh e. Bana. Mo thruaighe! arsa Bhana-chriosduidh, bha sinne co toilichte leis a chaoimhneas a fhuair sinn, ’s nach robh guth againn air aon chunnart a bha romhainn. A bharr air sin, co shaoileadh gum biodh daoine co malluichte co dlù air lùth chuirt an Righ? Gu deimhin bu mhath dhuinne gum bitheamaid air iarruidh aon a chuir leinn: ach ’s ìoghnadh leam nach do chuir ar Tighearna e fein aon ann, o’n a bha fios aige gun robh sin feumail! Fear. Is math an t-àit a gheibhear ni a chionn iarruidh; oir ma thairgear ni, ’stric leis nach bi ach beag meas air; ach an uair a mhothaichear gu bheil ni a dhi air neach, bithidh meas air an sin, agus iarrar an diaigh sin e. Nam builicheadh an Tighearna Fear-stiuraidh oirbhse, cha bhiodh sibh san àm a’ caoi na di-chuimhn a rug oirbh a chionn nach d’iarr sibh e, mar tha a chionfath agaibh an trà so dheanamh. Mar so tha gach ni ag oibreachadh a chum ur math, agus gur deanamh faicilleach. Bann. Am pill sinn a rìs chum an Tighearna, a dh’ aideachadh ar n amaideachd, agus a dh’ asluchadh aoin? Fear. Cuiridh mis an céill da mar tha sibh ag aideachadh ar n-amaideachd: Agus cha ruig sibh a leas dol air ur n-ais; oir gheibh sibh pailteas anns gach ionad chum an d-thig sibh; oir cha ’n ’eil uireasbhuidh sam bith dhiubh sin aig gach ionad tàimh a dh’ ullaich mo Thighearna, chum luchd-turuis a ghabhail a stigh. Ach mar a thuirt mi, ’s math leis gun iarrar na nithe sin a dheanamh air an son, Esec. xxxvi. 37. Agus ’s olc an ni nach fiu iarruidh. An uair a thuirt e mar so, phille e air ais, agus dh’ imich iadsan air an turus. Tròc. An sin thuirt Tròcair. Nach grad an caochladh [TD 169] a thainig oirn! bha mi meas gun robh sinn as gach gàbhadh, agus nach biodh aobhar againn bròn tuille a dheanamh. Bana. Faodaidh do neo-chiontachd do leith-sgeul a ghabhail; ach tha e dhomhsa ni’s ciontaiche, a thaobh gum faca mi an cunnart so mu’n d’ fhàg mi an tigh, ’s gidheadh nach d’ rinn mi air a shon far am faotainn. Tha mi gu mòr sa choire. Tròc. Cionnas a bha fios agad air so mu’n d’ fhàg thu ’n tigh? Innis sin domhsa, guidheam ort? Bana. Innsidh mise sin duit: Man do charaich mi as mo thigh fein, bhruadair mi mu’n ni so; oir air leam gum faca mi dithis fhear anabharra coltach ris an dithis ud, nan seasamh ri taobh mo leapach, a’ socruchadh mar bhacadh iad mo shaoradh: Innsidh mi dhuit na ceart fhocail a thuirt iad: Thuirt iad, Ciod a ni sinn ris a Mhnaoi so? oir tha i ’g éigheach a là agus a dh’oi’che arson mathanais: ma leigeas sinn leatha dol air a h-aghaidh mar so, caillidh sinn i mar chaill sinn a fear roimhe. Bu chòir dha so mis a chuir air m’ fhaicill, agus cobhair iarruidh far an robh e ri fhaghail. Tròc. Leis mar thachair sa chùis so, faodai sinn ar neo-iomlaineachd fein a thoirt fainear; agus ghabh ar Tighearn am fàth so air saibhreas a ghràis fhoillseachadh; oir dheonaich e-san dhuinn, gun iarruidh, caomhneas ro mhòr; agus o dheagh- ghean fein, shaor e sinn as an laimh-san bu treise gu mòr na sinne. Air dhoibh a bhi mar so a’ cainnt r’a chèile tharruing iad dlù do thigh a bh’ air an t-slighe, a chaidh a thogail chum aoidheachd a thabhairt do luchd-turuis, mar a chi sibh ni’s soilleire sa cheud earrainn de’n leabhar so. ’San uair a thainig iad chum dorus tighe an Fhir-theagaisg, no mhìneachaidh, chual iad bruidhinn mhòr a stigh: dh’ éisd iad, agus air leo gun robh ainm na Bana-chroisduidh ga luaidh. Oir bha iomra air thoiseach orra gun deachaidh i fein agus a clann air oilthireachd. Agus bha so ni bu taitniche leo, a chionn gun cual iad gur i bean Chriosduidh a bh’ ann, a bha co mòr an aghaidh a fir a dh’ fhalbh air chuairt. Uime sin sheas iad agus chual iad an [TD 170] sluagh math a bha stigh a’ moladh na té is beag a mheas iad a bhi aig an dorus. Fa dheire, bhuail i aig an dorus, mar rinn i aig a gheata roimhe. Agus an uair a bhuail i, thainig Cailin òg d’am b’ainm Neo-chiontas, a dh’ ionnsuidh an doruis, agus dh’ fhosgail i e, agus feuch bha da bhoir ionnach nan seasamh aige. Cailin. Thuirt i riu, Cò ris bu mhiann leo labhairt san àite sin? Bana. Tha sinn a’ tuigsinn gur ionad so a tha chum aoigheachd a thoirt do luchd turuis, agus tha sinne nan àireamh sud; uime sin guidheam ort a cheadachadh dhuinn co’-pairt fhaghinn de na nithibh arson a thainig sinn san àm; oir ’s e’m feasgar a th’ ann, agus cha’n’eil sinn deonach triall ni’s faide an nochd. Cailin. C’ ainm a their mi ruibh, chum gun innis mi do m’ Thighearn a steach e? Bana. ’Se m’ ainmse Bana-chriosduidh; bean an fhir-chuairt a thainig air an turus so roimhe, agus is iad sin a chearthar mac. ’S i ’mhaighdeann so mo bhana-chombanach, agus tha i fòs ag imeachd air a turus. Cailin. An sin ruidh i steach, agus thuirt i riu-san a bha stigh, Cò shaoileas sibh a th’ aig an dorus? Tha a Bhana-chriosduidh, agus a clann, agus a bana-chombanach, ag iarruidh biatachd an so. An sin rinn iad gàir aoibhinn, agus chaidh iad ga innse d’ am maighstir. Thainig e chum an doruis, agus an uair a chunnaic e i, thuirt e, An tusa a Bhana-chriosduidh a dh’ fhàg Criosduidh na dhéigh, ’n uair a ghabh e air fein caithe-beatha fir-chuairte? Bana. Is mis a bhean a bha co cruaidh-chridheach, ’s gun do chuir mi an suarachas àmhghair agus cruaidh-chais m’fhir, ’s a leig leis falbh air a thurus na aonar, agus is iad sin a chearthar chloinne; ach tha mi fein a nis mar an ceudna air teachd; oir tha mi ann am barail nach ’eil aon slighe ceart ach i so. Fear. Anis tha e air a choilionadh an ni a tha sgrìobhta mu ’n fhear a thuirt r’a mhac, Imich agus oibrich an diugh am fhìon-lios; agus thuirt e ri athair, Cha d’-théid; ach na dhéigh sin, air dha aithreachas a ghabhail, dh’imich e. Mat. xxi. 28, 29. [TD 171] Bana. An sin thuirt i, Gu ma h-amhuil a bhitheas e, Amen. Gun deanadh Dia fior annams e, agus deonaich dhomh gum faighear mi fadheoidh leis-san ann an sìth gun smal agus neo-lochdach. Fear. Ach c’ arson a tha thu ad’ sheasamh aig an dorus? Thig a stigh, a nighean Abrahaim, bha sinn ag iomra ort an ceart uair, oir chuala sinn roimhe gun d’ imich thu air do thurus. Thigibh, a steach a chlann; thig a steach, a mhaighdeann; mar so thug e steach uile iad. ’S an uair a thainig iad a stigh, chaidh a ràdh riu suidhe, agus fois a ghabhail: ’s an uair a rinn iad mar sin, thainig iadsan a bha frithealadh air an luchd-thuruis gam faicinn. Agus bha aiteas orra uile a chionn gun robh a Bhana-chriosduidh air a turus. Dh’ amhairc iad fòs air a chloinn, agus chrìotaich iad an cinn, mar chomharra gum b’ ionmhuinn leo iad. Thuirt iad ri Tròcair agus riu uile gu’m b’e am beatha san àite sin. ’Nuair a shocraich iad beagan, a chionn nach robh an t-suipeir deas, thug am Fear-teagaisg iad a steach ga chuid seomraichibh, agus nochd e dhoibh far an robh Criosduidh, fear na Bana-chriosduidh, roimh so. An so chunnaic iad am fear a bh’ anns a chrò, fear na h-aislinge, an gaisgeach a chaidh a steach thar muineal a naimhde, agus dealbh an fhir bu mhò dhiubh uile, maille ris gach ni eile a bha co feumail do Chriosduidh. ’Nuair a thachair so, ’s a smuaintich iad air na chunnaic iad, thug am Fear-teagaisg air leth iad, agus thug e stigh iad do sheomar far an robh fear nach togadh a shùil o’n làr le gòbhlag-aolaich aige na laimh; bha mar an ceudna fear os a cheann le coron nèamhaidh aige na laimh, agus thairg e dha an crùn sin arson a ghobhlaig-aolaich; ach cha sealladh an duine suas, agus cha robh sgoinn aige dheth, ach bha e sìor thrusadh r’a chéile suip, biorain, agus duslach an ùrlair. An sin thuirt a Bhana-chriosduidh, air leam gu bheil mi tuigsinn brìgh nan nithe sin. Is samhladh so air fear san t-saoghail so: Nach e? Fear. Tha thu gle cheart, thuirt e, agus tha a shluasaid a’ leige ris inntinn fheolmhor. S’ am feadh a tha thu faicinn gur ann a tha aire air trusadh shop agus bhioran, [TD 172] agus duslach an ùrlair, a roghainn air na tha ’n duine a tha os a cheann, agus an crun nèamhuidh na laimh, ag iarruidh air; tha e feuchainn nach ’eil nèamh le mòran ach mar fhaoin-sgeul, agus gur iad nithe saoghalta a tha air am meas leo-san mar na h-aon nithe feumail. Leis mar chaidh a nochda dhuibh nach b’ urrainn an duine sealltuinn ach air làr; ’sann a leige fhaicinn duibh, gu bheil nithe saoghalta, le bhi ’n dian-thòir orra, a’ giulan a chridhe air falbh o Dhia. Bana. An sin thuirt i, Och! saor mi o’n inneal thrusaidh so. Fear. Thuirt e gun robh ’n ùrnuigh sin air a di-chuimhneacha co fada ’s nach mòr nach do luidh meirg orra; Na toir dhomh saibhreas: Gnàth. xxx 8. ni is gann a ghuidheas aon as a mhìle. Is iad suip agus faoineachd mar sin air a bheil cridhe a chuid is pailte de’n t-sluagh socraichte. ’Nuair a chual iad sin, ghuil a Bhana-chriosduidh, agus Tròcair, agus thuirt iad, Mo thruaighe! gun robh sin tuille ’s fior. An uair a nochd am Fear-teagaisg sin doibh thug e iad do’n t-seomar a b’fhearr a bha san tigh, agus thuirt e riu iad a dh’ amharc m’an timchioll, a shealtuinn am faiceadh iad aon ni a dheanadh math dhoibh ann. An sin sheall iad m’an cuairt: ach cho robh aon ni ann ach damhan-alluidh mòr air a bhalladh; agus cha tug iad sùil air. Tròc. Thuirt ise, cha’n fhaic mi bheag air bith; Ach dh’fhan a Bhana-chriosduidh na tosd. Fear. Thuirt e rithe, seall a rìs; sheall i a rithist agus thuirt i, cha’n fhaic mi aon ni ann ach damhan-alluidh grànda a chi mi ’n crochadh air a bhalladh. An sin thuirt e-san, a’ bheil ach aon damhan-alluidh san t-seomar mhòr so? An sin thainig na deoir air sùilibh Bhana-chriosduidh; oir bha i grad an toirt fainear, Agus thuirt i, Tha, Thighearna, tuille ’s a h-aon ann: agus tha an nimh-san ni’s marbhtaich, na aon ni a tha san damhan-alluidh so. Dh’ amhairc am Fear-teagaisg gu caomhail orra, agus thuirt e rithe, thuirt thu an fhìrinn. Chuir so nàir air Tròcair, [TD 173] agus chòmhdaich a chlann an aghaidhean; oir thuig iad uile an toimhseachan. An sin thuirt am Fear-teagaisg a rìs, Tha’n damhan-alluidh a’ gabhail greim le a lamhaibh, mar a chi sibh, agus bithidh e ann an lùchairtibh nan righ. Agus c’arson a tha so air a chuir sios, ach a nochda dhuibh ge b’e sam bith co làn sa tha sibh de nimh a pheacaidh, gidheadh gum faod sibh, le lamh a chreidimh, greim a dheanamh air agus tàmh a ghabhail anns an t-seomar is fearr a bhuineas do Righ nam flaitheas. Bana. Bha mi smaoineacha sin, ach cha do thuig mi uil e. Air leam gun robh sinn mar na damhain-alluidh, agus nach seallamaid ach dìblidh truagh anns an t-seòmar is àillidh sam bi sinn: ach leis an damhan-alluidh so, am beathach nimheil duaichnidh sin, gun robh sinn ri fhoghlum cia mar ghnàthaicheamaid creidimh, cha d-thainig sin ann am aire; agus mar tha mi faicinn, gu bheil e chòmhnuidh san t-seomar is fearr san tigh. Cha d’rinn Dia aon ni an diomhanas. An sin bha iad uile toilichte: ach sheas na deoir nan sùilibh: agus sheall iad air a chéile, a’ deanamh umhlachd do’n Fhear-theagaisg. An sin thug e do sheomar eile iad, far an robh cearc le h-àlach, agus dh’ àithn e dhoibh beachd a ghabhail. Mar sin thainig eun a mach agus chaidh e chum an amair a dh’ òl dibhe, agus gach deoch mar dh’ òladh e, thogadh e suas a cheann agus a shùilean ri nèamh. Faicibh, ars’ esan, mar ni an t-eun beag so, agus foghlumaibh uaithe aideacha co as a tha ur sochairean a’ teachd, le ’n gabhail ag amharc suas. Fathast thugaibh fainear agus faicibh; mar so thug iad an aire, agus thuig iad gun robh a chearc ga giulan fein air ceithir dòighibh eugsamhuil, a thaobh a h-àil. Mat. xxiii. 37. 1. Tha gairm choitchionn aice, a ni i gu tric. 2. Tha gairm shònruicht’ aice, nach gnàthaich i ach air uairibh. 3. Tha gairm sgéith aice. agus. 4. Gairm cais’machd. A nis ma choimeasas sibh a chearc so ri’ Righ, agus na h-eoin sin r’a shluagh ùmhal. Oir a réir sin tha sheol fein aige-san, a tha e gnàthachadh ris a mhuinntir is caomh leis; le ghairm choitchionn, bheir e ni-eigin doibh; [TD 174] le ghairm shonruichte, tha daonnan caileigin aige r’a thoirt doibh; tha mar an ceudna gairm sgéithe aige dhoibhsan a tha fo a thearmunn, agus tha gairm cais’machd aige, gu sanus a thoirt doibh ’n uair a chi e an namhuid a’ teachd. Is math leam, mo mhuinntir ionmhuinn, sibhs a thoirt do na seomraichibh sa bheil an leithid sin ri fhaicinn, a chionn gu bheil iad so-thuigsinn duibh. Bana. Guidheam ort, thuirt i, leig leinn tuille fhaicinn: Mar sin thug e do’n tigh mharbhaidh iad, far an robh feòladair a’marbhadh caoradh; agus feuch bha a chaora ciùin an àm a casgraidh, An sin thuirt am Fear-teagaisg, ’S eigin duibh fhoghlum o’n chaoirich so mar a dh’ fhuilingeas sibh, agus cuir suas le dochair a nithear oirbh, gun bhruaidlean gun ghearan. Feuchaibh co séimh ’sa chaidh ise gu bàs, tha i gun strìgh a’ fulang a cuir as a craicionn. Tha ur Rìgh ag ràdh ruibhse a chaoirich. An déigh sin thug e iad da lios, far an robh ioma gnè luibhean; agus thuirt e, Am faic sibh iad sin uile? Thuirt a Bhana-chriosduidh ris, Chi. An sin thuirt e a rìs, Faicibh mar tha na luibhean eugsamhuil an àirde, am feothas, an dath, am fàile, agus buaidh; tha cuid is fearr na chéile; agus fanaidh iad far an suidhich an Gàradair iad, gun chuir a mach air a chéile. A rithist, thug e do’n mhachair iad, a chuir e le cruithneachd agus le coirce; ach an uair a chunnaic e gun robh ceann na déise air a bhearradh de’n iomlan agus nach robh a làthair ach an coimhlein, thuirt e, Bha’n talamh so air a dheagh leasuchadh, air a dheargadh, agus air a chur, ach ciod a ni sinn ris a bhàrr? An sin thuirt a Bhana-chriosduidh, loisg cuid deth, agus deann inneir de’n chuid eile. An sin thuirt am Fear-teagaisg a rìs, ’S ann ri toradh a bha fiuthair agad, agus o nach robh sin ann dh’òrduich thu cuid deth a losgadh, agus a chuid eile a shaltairt fo chosaibh dhaoine: thugaibh an aire leis a so nach dìt sibh sibh fein. Ach air dhoibh bhi teachd chum an tighe, chunnaic iad am brù-dearg agus damhan-alluidh mòr aige na ghob; thuirt am Fear-teagaisg riu, Seallaibh air a so: dh’amhairc iad agus bha ìoghnadh air Trocair: ach thuirt a Bhan-chriosduidh, Nach mi-chiatach a thig sin do dh’eun co [TD 175] boidheach ris a bhrù-dearg: oir is ionmhuinn leis a bhi ann an gne de cho’-chaidreamh ri daoinibh; shaoil mi gur h-ann a bha e teachd beo air spruileach arain, no air nithe mar sin; Tha e ni’s fuathaiche leam na b’àbhuist da bhi. Thuirt am Fear-teagaisg, Gun robh am brù-dearg so na shamhladh fìor fhreagarrach gu choimeas ri cuid de luchd-aidmheil; oir ri fhaicinn tha iad sgiamhach maiseach, nan càil, nan coslas, agus nan giulan: tha iad a’ gabhail os laimh mor spéis a bhi aca do luchd-aidmheil dhùrachdaich: agus gu bhi nan cuideachd agus nan còmbanas thairis air gach muinntir eile, mar gum beathaichte iad le spruileach an duine mhath; tha iad a’ gabhail orra gur ann air a shon sin a tha iad a’ taghall tigh nan daoine diadhaidh, agus òrduighean an Tighearna: ach an uair a bhitheas iad leo fein, mar am brù-dearg, ’s urrainn doibh damhain-alluidh a ghlacadh agus a shlugadh; ’s urrainn doibh an lón a mhùghadh, agus peacadh a shlugadh sios mar an t-uisge. ’S an uair a thainig iad chum an tighe, arson nach robh an t-suipeir fhathast deas, dh’ asluich a Bhana-chriosduidh air gun nochdadh no gun aithriseadh e nithe eigin a bhiodh feumail doibh. An sin thòisich am Fear-teagaisg, agus thuirt e, mar is reamhradh a mhuc ’s ann is déigheile i air an eabar: mar is reamhradh an damh ’s ann is mò ni e de leumnaich a’ dol do’n tigh-mharbhaidh; agus mar is fallaineadh an duine mi-stuama, ’s ann is tiothaich e air an olc. Tha boirionnaich déigheil air bhi sgiolta grinn, an deagh sgeudachadh, agus is taitneach an ni a bhi sgeudaichte leis gach ni a tha luachmhor ann an sealladh Dhe. Is usa faire dheanamh car oi’che no dha, seach a dheanamh fad bliadhna iomlan; ’s amhuil is usa do neach tòiseacha ri deagh aidmheil a dheanamh, na buanachadh mar is coir dha gu ruig a chrìoch. Tilgidh gach maighstir luinge, an àm doininn, a chuid is neo-luachmhoire ga luchd gu toileach thar bòrd; ach cò a thilgeas a chuid is fearr an toiseach ann? Cha tilg ach e-san air nach bi eagal De. Cuiridh aon toll fodha loingeas, agus cuiridh aon pheacadh as de pheacach. [TD 176] Tha e-san a ni di-chuimhn air a charaid mi-dhleasnach dha; ach tha e-san a dhi-chuimhnicheas a Shlanuighear neo-iochdmhor ris fein. Tha e-san a chaitheas a bheatha ann am peacadh, ’s-aig a’ bheil dòchas ri bhi sonadh san ath-bheatha, cosmhuil ris-san a chuireas fras an liath-luis, agus aig am bi fiuthair ri shabhal a lìonadh le cruithneachd na le h-eòrna. M’as àill le duine a bheatha a chaitheadh gu math, cumadh e àm a bhàis do ghnàth na aire. Tha cogaraich agus mùgha baraluch, a’ dearbhadh gu bheil peacadh san t-saoghal. Ma tha’n saoghal, air a’ bheil co beag meas aig Dia, air a mheas co luachmhor le daoinibh, ciod am meas is ion a bhi air nèamh, a tha Dia a’ moladh? Ma tha e co deacair leinn dealachadh ris a bheatha so, a tha co làn triobluid, ciòd an déigh is iomchuidh dhùinn a bhi aguinn air a bheatha mhaireannaich? Molaidh gach neach maitheas dhaoine; ach co air a tha maitheas De a’ deanamh an drùghaidh is còir dha? ’S ainmig leinn suidhe sìos chum bìdh, nach ith agus nach fàg sinn ar fuighleach: ’Samhuil a tha ann an Iosa Criosd am barrachd toillteanneis agus fireantachd na dh’ fheumas an cinne-daoine uile. An uair a chuir e crioch air a theagasg, thug e steach d’a lios iad, agus thug e chum craoibhe iad, a bha lan mosgain na cridhe, gidheadh bha i fàs agus fo dhuilleach. An sin thuirt Tròcair, Ciod is ciall da so? Fhreagair e, gun robh gum faoidte a chraobh a bha ciatach o’n taobh a muigh, agus grod o’n leth a stigh, a choimeas ri ioma neach ann an lios Dhe; a tha le’m bilibh a’ labhairt gu math mu Dhia, ach nach dean a bheag air a shon; aig a’ bheil an duilleach maiseach, ach aig a’ bheil an taobh a stigh gun fheum fiachail sam bith. Bha a nis an t-suipeir deas, am bòrd air uimeachadh, agus gach ni air a chuir an òrdugh air: shuidh iad sìos, agus thug aon buidheachas. Bha e gnàthaichte leis an Fhear-theagaisg, gum biodh ceol, an àm am bìdh, acasan a bhiodh air aoigheachd maille ris; uime sin chluich an [TD 177] luchd-ciùil. Ghabh fear eile, aig an robh guth ro-bhinn, òran, agus b’e so e; ’Se Dia a tha ga m’ chumail suas, ’S ga m’ bheathacha gach ial: Cionnas ma ta bhios easbhuidh orm, ’S gur fialuidh dhomh mo Thriath? An uair a sguir an t-òran agus an ceòl, dh’fheòraich am Fear-teagaisg de Bhana-Chriosduidh, Ciod a bhrosnuich i an tùs gu falbh air a turus? Fhreagair i e, ag ràdh, Gun d-thainig call a fir na h-aire, ni a chuir mor dhuilichinn oirre: Ach cha robh an sin ach mulad nàdurra. An déigh sin thainig triobluidean agus turus m’fhir ann am aire, agus co neo-shuairc ’s a bhuin mi ris san àm sin. Mar so ghabh cionta greim air m’ inntinn, agus b’àill leis mo tharruing do’n t’slochd; ach chunnaic mi aisling ann an deagh àm, gun robh m’ fhear gu ro-shonadh, agus thainig litir gam iarruidh o Righ na tìre far a’ bheil m’fhear a chòmhnuidh, chum dol d’a ionnsnidh-san. Rinn an aisling agus an litir na h-urrad dhrùghaidh orm, ’s gun do cho’-éignich iad mi gu imeachd air an t-slighe so. Fear. Ach an do chuir a bheag dragh ort mu’n d’fhàg thu do thigh? Bana. Chuir, Thainig bana-choimhearsnach dhomh, d’am b’ainm Cion-cruadail, bana-charaid do’n fhear leis am b’ àill impidh a chuir air m’ fhear pilleadh le eagal nan leomhann, agus thug i oirp air mo bhacadh, leis gach mi-mhisneach a chuir an céill domh, a chionn mi smaoineach air falbh air turus co amaideach, mar thuirt i ris; agus am peanas a dh’ fhuiling m’ fhear air a leithid eile; ach cha d-thug so feachd asam. Ach chuir bruadar a chunnaic mi mu dhithis fhear ro-dhuaichnidh, anabharr iomaguin orm: air leam gun robh iad a’ cuir rompa na h-urrad choire dheanamh dhomh ’s a b’ urrainn doibh, chum mo chuir air seacharan air an t-slighe. Tha mi smaoineacha fhathast orra, agus tha eagal orm roi gach neach a choinnicheas mi, air eagal gun tachair iadsan orm, agus gun oirpich iad mo chuir air iomrall. Seadh, faodaidh mi innse do m’ Thighearna, ge nach bu mhath leam gum biodh fios aig gach neach air, gun d’ thug iad teann oirp [TD 178] oirn, air an taobh so de’n gheata far an d-thainig sinn air an t-slighe, co mòr ’s gum b’ eigin duinn mortadh éigheach; agus bha iadsan a rinn sin cosmhuil ris an dithis fhear a chunnaic mi m’ aisling. Thuirt am Fear-teagaisg rithe, tha do cheud thòiseacha math, agus meudaichidh do chrìoch gu mòr. Labhair e ’n sin ri Tròcair, agus dh’ fhiosraich e dhith ciod a bhrosnaich ise gu teachd an so? Tròc. Thainig an sin rughadh na gruaidh, agus bha i air chrith, a’s dh’ fhan i ré seal na tosd. Fear. An sin thuirt e rithe, na biodh eagal ort, a mhàin creid agus innis na th’ air t-aire. Tròc. An sin thòisich i, agus thuirt i, Gu fìrinneach ’s e cion fiosrachaidh is aobhar do m’ thosd, agus tha sin a’ cuir eagail orm gun d-thig mi goirid air a cheann ma dheire. Cha ’n urrainn domh innse mu bhruadair agus mu thaisbeana mar ni mo bhana-charaid an so; cha mhò tha fios agam ciod e bhi bronach, a chionn cùl a chuir ri comhairle mhath chàirdean diadhaidh. Fear. Ciod eil’, a rùin, a thug ort a dheanamh? Tròc. Thug, gun d-thainig mis agus aon eile a thaobh tuiteamais, a dh’ fhaicinn mo bhana-charaid, ’n uair a bha i deanamh deas fa chomhair a turuis. Bhuail sinn aig an dorus, agus chaidh sinn a stigh. An uair a bha sinn san tigh, ’s a chunnaic sinn ciod a bha i deanamh, dh’ fheòraich sinn ciod bu chiall dith? Thuirt i gun d-thàinig teachdoireachd o fear ga h-iarruidh; ’s an sin dh’ innis i dhuinn gun do bhruadair i uime; gum fac i gun robh e chòmhnuidh am measg muinntir neo-bhàsmhor, a’ caitheadh crùin, a’ seinn air clàrsaich, ag itheadh agus ag òl air an aon bhòrd r’a Righ, ’s a’ seinn molaidh dha arson a thoirt do ’n àite sin, &c. Air leam am feadh a bha i ’g aithris sin duinn, gun robh mo chridhe am chòm a’ lasadh, agus smaoinich mi, Ma tha so fior, fàgaidh mi m’ athair, mo mhathair, agus mo dhuthaich, agus théid mi, ma dh’ fhaodar leam, air falbh maille ris a Bhana-chriosduidh. Dh’ fhiosraich mi dhith mu thimchioll fìrinn agus cinnte nan nithe sin, agus nan ceadaicheadh i dhomh falbh leatha; oir thuig mi nise nach robh, saor o chunnart leir-sgrios, seol sam bith air buanachadh sa bhaile san robh [TD 179] sinn. Ach gidheadh ’s ann le cridhe goirt a dh’ fhàg mi e, ni h-e nach robh mi toileach fhàgail, ach a chionn gun robh a choilion caraid agam ann. Tha mi nis air teachd le làn rùn mo chridhe, agus théid mi, ma dh’ fhaodas mi, leis a Bhana-chriosduidh a chum a fir, agus a Righ. Fear. Is math do cheud dhol a mach, oir thug thu creideas do ’n fhìrinn; tha thu ionsamhuil ri Rut a thaobh a ghràidh a bh’ aice do Naomi, agus do ’n Tighearna a Dia, a dh’ fhàg a h-athair agus a màthair, agus an tìr san d’ rugadh i, gu dol a dh’ ionnsuidh sluaigh nach b’ aithne dhi roimhe sin, Rut. ii. 11, 12. Gu’n dìoladh an Tighearna do shaothair, agus gun robh do dhuais iomlan o’n Tighearna Dia Israeil, fo a sgiathaibh an d-thainig thu a chur do dhòchais. Thainig a nis crìoch air an t-suipeir, agus rinn iad ullachadh arson dol a luidhe: Chaidh na boirionnaich a chuir an leabuidh air leth, agus a chlann leo fein. Cha ’n fhaigheadh Tròcair codal na leabuidh leis an aoibhneas a bh’ oirre, a chionn, gur e air leatha, gun d’ fhuair i a nis am barrachd cinnte gu’n gabhta rithe. Mar so luidh i a’ cliùthachadh agus a’ moladh Dhe, a nochd na h-urrad dheagh-ghean dith. Dh’ éirich iad sa mhaduinn mu éiridh na greine, agus rinn iad iad fein deas fa chomhair an turuis, ach b’ i toil an Fhir-theagaisg gun iad a dheanamh cabhaig; oir thuirt e, ’s eigin duibh falbh le riaghailt as an àite so. Thuirt e ’n sin ris a Chailin a dh’ fhosgail air tùs an dorus doibh, Thoir leat do ’n lios iad, chum an ionaid-nighidh, agus ionnlaid iad, chum gu ’n glanar iad o gach salachar a luidh oirre air an turus. An sin thug Neo-chiont an Cailin leatha iad, agus thuirt i riu gum feumadh iad, ann an sin, iad fein ionnlad agus a bhi glan; oir bu deòin le ’m maighstir gun deanadh na mnài a thigeadh chum a thighesan mar sin, am feadh a bhiodh iad air chuairt. Chaidh iad uime sin a steach, agus nigh iad iad fein, eadar chlann agus mhnathan; agus cha ’n e a mhain gun robh iad air an glanadh leis, ach bha iad gu mòr air an neartuchadh agus air am beothachadh leis. Agus bha iad gu mòr ni bu mhaisiche na dhéigh na bha iad roimhe. [TD 180] An uair a thainig iad as an lios o bhi gan nigheadh, sheall am Fear-teagaisg orra, agus thuirt e riu, Tha sibh àillidh mar a ghealach. An sin dh’ iarr e an séul a thoirt d’a ionnsuidh, leis an gnàth iadsan a théid ionnlad na ionad-nighidh-san a shéuladh. Uime sin thainig an séula, agus chuir e comharradh oirre, leis am faighnite iad far an d-thigeadh iad. B’e an séula so brìgh agus bladh na càisge a dh’ ith clann Israeil, Ecsod. xii. an uair a thainig iad a mach a tìr na h-Eiphit; agus chaidh an comharradh a chuir eadar an sùilibh. Mheadaich an séula so an eireachdas, oir bha e na mhaise gan eudann. Rinn e fòs ni bu shuidhichte an coslas, agus bha ’m barrachd suaip aig an gnùis ri ainglibh. An sin thuirt am Fear-teagaisg ris an té a bha fritheala do na boirionnaich, i dhol do dh’ ionad tasguidh an eudaich, agus trusgain a thoirt as do’n mhuinntir sin. Dh’ imich i, agus thug i mach trusgain gheala, agus chuir i sìos nan làthair iad; agus dh’ àithn e dhoibh an cur umpa. B’ anart fìnealta fior ghlan a bh’ annta. An uair a bha iad mar so air an sgeudachadh, bha iad ionnas nan aobhar eagail ga chéile; a chionn nach faiceadh iad a ghlòir sin annta fein a chitheadh iad ann an neach eile. Bha iad a nis ni bu mheasaile mu chàch a chéile na bha iad umpa fein. Is tusa is maisiche na mise, thuirt té dhiubh; is tus’ is àillidh na mise, thuirt an té eile. Bha a chlann fo ìoghnadh cuideachd arson an dreach a bh’orra fein. An sin ghairm am Fear-teagaisg air òglach a bh’aig, d’am b’ainm Misneachail, agus thuirt e ris a chlaidheamh, a chlogaid, agus a sgiath a thoirt leis; agus buin leat iad so, mo nigheanan-’sa; tabhair iad a dh’ionnsuidh an tighe ris an goirear Maiseach, far an gabh iad an ath-fhois. Mar so chaidh e fo armaibh, agus dh’ imich e air thoiseach orra: Agus thuirt am Fear-teagaisg riu, Gun soirbhicheadh Dia leibh. Chuir mar an ceudna muinntir an teaghlaich air falbh iad le’n deagh-guidhe. Mar so dh’ imich iad air an turus, agus sheinn iad; [TD 181] B’e so dhuinn ar darna ionad stad, Far am faca sinn ar sàth; De nithibh bh’ ann an dìomhaireachd, O linn nan linn o chàch. Mhuin am fear trusaid aolaich dhomh, An damhan’ a’s a chearc; ’Sa h-àlach lag: mi bhi d’an rèir, ’S gun tuiginn gliocas ceart. Am feòladair, an Gàrradoir, ’S an toradh bh’ air a mhagh; Am brù-dearg beag ’san damhan aig’, ’S a chraobh a bha gun bhlagh: A Theagasg dhomh bhi faicilleach, Ri fair ’a ’s ùrnuigh ghnàth; An crann a thogail suas gu treun, Le cliu do Dhia gach là. An sin chunnaic mi am aisling, gun deachaidh iad air an aghaidh, agus Misneachail air thoiseach orra; agus thainig iad chum an àite san do thuit uallach Chriosduidh dheth. Thug iad an so cliu do Dhia, agus sheas iad. Tha e nis a’ teachd am aire, arsa Bhana-chriosduidh, na chaidh a ràdh ruinn aig a gheata, eadhon, gum faigheamaid mathanas le guth agus gniomh; le guth, se sin leis a ghealladh; le gniomh, eadhon, an doigh air an d’ fhuaradh e. Tha caileigin de dh’ fhiosrachadh agam ciod e an gealladh; ach ciod e mathanas fhaotainn le gniomh, no an doigh air an d’fhuaradh e, tha dòchas agam, a Mhisneachail, gu bheil thusa eolach uime; agus m’ as toil leat e, leigear dhuinn a chluintinn. Mis. ’Se mathanas le gniomh a rinneadh, mathanas a fhuaradh le neach eigin do neach eile aig an robh feum air: Ni h-ann leo-san a fhuair mathanas, ach anns an dòigh, a deir neach eile, mar a choisinn mi e. Ach a chum labhairt ni’s soilleire mu’n cheist, bha am mathanas a fhuair thusa, Tròcair, agus a chlann sin, air a chosnadh le neach eile, eadhon, leis-san a threoraich a steach air a gheata sibh: agus choisinn se e air an dà dhoigh so; choilion e fìreantachd air do shon, agus dhoirt e fhuil chum t-ionnlad innte. Bana. Ach ma bheir e dhuinne fhìreantachd, ciod a bhitheas aige dha fein? [TD 182] Mis. Tha’m barrachd fìreantachd aige na dh’ fheumas sibhse, no idir a dh’fheumas e fein. Bana. Soilleirich sin duinn? Mis. ’S toileach a ni mi sin: Ach ’s eigin domh air tùs a ràdh, Gu bheil an neach mu bheil mi gu labhairt, gun choimeas idir aige: Tha da ghnè aige san aon phearsadh, soilleir r’an aithneachadh, agus neo-sgarthail. Buinidh fìreantachd do gach gnè dhiubh sin, agus tha fhìreantachd fein feumail do’n ghnè sin. Ionnas gu bheil e co sho-dheanta a ghnè a chuir gu dì, ’s a tha a ceartas no a fìreantachd eadar-dhealuchadh uaithe. Cha’n ’eil uime sin co’-pairt air a thoirt duinne de na fìreantachdaibh sin, chum gum biodh iad, no a h-aon diubh, air an cur oirne, chum gun deanta fìrinneach sinn, agus gum bi sinn beo d’a chionn. A bharr orra sin, tha fìreantachd ann a th’ aig an neach so, mar tha an da ghnè sin nan aon. Agus cha’n i sin fìreantachd na Diadh’achd, eadar-dhealaichte o ghnè an duine; no idir fìreantachd gnè an duine air leth o’n Diadh’achd, ach fìreantachd a tha ann an aonachd na da ghnè sin, ris am faodar gu cothromach a ghairm an fhìreantachd a tha feumail gu e bhi air ullachadh le Dia, chum bhi murrach air dreuchd na h-eadar-mheadhonaireachd, a chaidh earbsadh ris. Ma dhealaicheas e r’a cheud fhìreantachd, dealaichidh e r’a Dhiadh’achd; ma dhealaicheas e r’a dhara fìreantachd, tha e dealachadh ri fior-ghloine a ghnè mar dhuine; ma dhealaicheas e r’a threas fìreantachd, dealaichidh e ris an iomlaineachd sin leis a’ bheil e murrach air dreuchd eadar-mheadonair. Tha fìreantachd eile aige, a tha co’-sheasamh ann an co’-lionadh no ùmhlachd, eadhon, toil fhoillsichte; agus is i so a tha e cuir air peacaich, leis am bheil am peacaidh air am folach: Air an aobhar sin tha e ’g ràdh, Mar trid eas-umhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacachaibh; is amhuil sin trid ùmhlachd aon duine a nithear mòran ’nam fìreanaibh. Roimh. v. 19. Bana. Ach a bheil feum sam bith sna fìreantachdaibh eile dhuinne? Mis. Tha; oir ged a tha iad feumail ga ghnèibh agus ga dhreuchdaibh, agus nach faodar am pàirteachadh ri neach eile, gidheadh ’s ann trid am feart-san a tha’n fhìr- [TD 183] eantachd a dh’fhìreanaicheas arson sin tarbhach. Tha fìreantachd a Dhiadh’achd a’buileachadh feart air ùmhlachd; tha fhìreantachd mar dhuine a’buileachadh cumhachd air ùmhlachd a dh’fhìreanachadh; agus tha’n fhìreantachd a tha co’-sheasamh ann an aonachd na da ghnè sin ra dhreuchd, a’ buileachadh ùghdarrais air an fhìreantachd sin a dheanamh na h-oibre fa chomhair an deachaidh a h-òrduchadh. Tha’n so fìreantachd ma ta nach ’eil mar Dhia feumail do Chriosd, oir is Dia e as a h-eug’ais: Tha’n so fìreantachd nach ’eil mar dhuine feumail do Chriosd, oir tha e as a h-eug’ais na dhuine iomlan. A rithist tha’n so fìreantachd nach ’eil feumail do Chriosd, da thaobh fein mar Dhia agus mar dhuine, agus uime sin faodaidh e a seachnadh mar fhìreantachd a dh’fhìreanaicheas, air nach ’eil feum aige fein; agus air an aobhar sin tha e ga toirt seachad; uaithe sin theirear tabhartas na fìreantachd ris. Is eigin ma ta an fhìreantachd so a thoirt seachad, o’n a rinn Iosa Criosd an Tighearn e fein fo’n lagh; oir cha’n e a mhain gu bheil an lagh a’ cuir mar fhiachaibh airsan a tha fodha, ceartas a dheanamh, ach mar an ceudna seirc a ghnàthachadh. Uime sin ’s eigin da, no’s còir dha tre’n lagh, ma tha da chòta aige, a h-aon a thoirt dhasan a tha falamh. A nis, tha gun amharus dà chòta aig ar Tighearna, aon da fein, agus aon eile r’a sheachnadh, air an aobhar sin tha e gu saor a’ buileachadh a h-aon orrasan a tha falamh. Agus ’s ann mar so, a Bhana-Chriosduidh, a Thròcair agus na tha dhibh an so, a tha ar maitheanas a’ teachd tre ghniomh, no tre obair neach eile. Is e ur Tighearn Iosa Criosd an ti a tha ’g oibreachadh, agus a tha toirt seachad an ni arson an d’ oibrich e do’n cheud dìol-déirce bhochd a thachras air. Ach a rìs, a chum mathanas a thoir tre ghniomh, ’s fheudar gum bi ni-eigin air ìocadh do Dhia mar éirig, co math agus cail-eigin air ullachadh chum sinn a sgeudachadh. Thug am peacadh thairis sinn gu bhi air ar deuchainn gu ceart-bhreitheach le lagh cothromach Dhe. ’S eigin duinn a nis a bhi air ar fìreanachadh o’n deuchainn so tre shaoradh, air do luach a bhi air a dhìoladh arson gach coireadh a rinn sinn, trid fola ur Tighearna, [TD 184] a thainig agus a sheasamh ’n ur n-ionad, agus a dh’ fhuiling am bàs a bha dligheach dhuibhse arson ur peacaidh. Mar so cheannuich e sibh o’r n eiceirtibh le fuil, agus sgeadaich e ur n-anma neo-ghlan duaichnidh le fireantachd. Roimh. viii. 34. Air son an d-théid Dia seachad oirbhse, agus cha dochainn e sibh ’n uair a thig e a thoirt breith air an t-saoghal. Gal. iii. 13. Bana. Tha so ciatach: Tha mi nis a’ faicinn gun robh caileigin ri fhoghlum o mhathanas a bhi air a thoirt duinn tre ghuth agus ghniomh. A dheagh Tròcair thugamaid oirp air so a chumail ’nar cuimhne; agus a chlann cuimhnicheadh sibhs e cuideachd. Ach nach b’e so a thug air eallaich mo dheagh Chriosduidh tuiteam dheth, ’s a thug air leum le aoibhneas? Mis. ’Se; ’s e bhi creidsinn so a ghearr na sreangannan ud, nach gabhadh gearradh le aon ni eile; agus ’s ann a chum dearbhadh a thoirt air feart an ni so, a cheadaicheadh dha uallach a ghiulan chum a chroinn-cheusaidh. Bana. Tha mi sa bharail sin; oir ged a bha mo chridhe gu h-eatrom ait roimhe, tha e deich uairean ni ’s eatruime agus ni’s aighearaich a nis. Agus tha dearbh-bheachd agam leis na mhothaich mi, ge nach do mhothaich mi ach beagan fhathast, ged a bhiodh an duine bu truime eire air thalamh san àite sin, agus e chreidsinn mar tha mise san àm a deanamh, gum fàgadh e a chridhe gu h-aobhach ait. Mis. Cha’n e amhain gu bheil sòlas, agus fois o eallaich air a bhuileach oirne, le amharc agus smaoineachadh air na nithe sin, ach tha gràdh ionmhuinn air àrach annainne leis: Oir co is urrainn, ma smaoinicheas e ach aon uair nach e a mhain gu bheil maitheanas a teachd o ghealladh. ach cuideachd o’n doigh so, gun an doigh agus am meadhon leis a bheil e air a shaoradh a dheanamh drùghadh air, agus a ghràdh a bhrosnuchadh dhasan a dh’ oibrich air a shon e? Bana. Is fior sin; Air leam gu bheil e cràdh mo cridhe bhi smaoineacha gun do dhoirt e fhuil air mo shon! O! aoin ghràdhaich! O! aoin bheannuichte! ’s aithrigh orm thu; cheannuich thu mi, is aithrigh thu gum bithinn uile agad, dh’ ìoc thu air mo shon deich mìle urrad ’s is fiu [TD 185] mi. Cha b’ iongantach ged a thug so air suilibh m’fhir sileadh, agus ged a bhrosnuich e co beothail air aghaidh e. Is cinnteach mi gum bu mhiann leis mise bhi maille ris, ach leig mise leis, gu nàr mi-chiatach, an rathad a ghabhail na aonar. O! Thròcair, b’ fhearr gum biodh t-athair agus do mhàthair an so; seadh, agus Cion-cruadail cuideachd. B’ fhearr leam gum biodh Miannach ann mar an ceudna. ’S cinnteach gun drùigheadh e air an cridheachaibh: cha b’ urrainn do dh’ eagal an darna h-aon, no ana-mianna dian an aoin eile, an aomadh gu dol a rithist dachaidh, agus a dhiùlta fàs nan deagh luchd-cuairte. Mis. ’S ann o bhlàs do thograidhibh a tha thu nis a’ labhairt: An saoil thu am buanaich thu do ghnà mar so? Osbarr, cha’n’eil so air a bhuileachadh air gach neach a chunnaic do Shlanuighear a’ call fhola. Bha iad ann a sheas ag amharc, agus a chunnaic fuil a chridhe ga taosgadh air làr, ’s gidheadh rinn e co beag dhrùighidh orra, ’s an àite bhi brònach air a shon, gur h-ann a rinn iad ceol gàire dheth; agus an àit iad a bhi nan luchd-leanmhuinn aige, ’s ann a chruadhaich iad an cridhe na aghaidh. Ionnas gur ann a tha gach ni a tha sibh a’ mothachadh ag eiridh o dhrùghadh diadhaidh, le bhi beachd smuainteachadh air na labhair mise ruibh. Cuimhnichibh gun deachaidh innse dhuibh, nach ’eil a chearc le a gairm coitchionn a’ toirt bìdh ga h eoin: Uime sin ’s ann a tha so agaibh o ghràs sònraichte A nis chunnaic mi am aisling, gun deachaidh iad air an aghaidh gus an d-thainig iad an t-àite far an robh Faoin, Dearmad, agus Dànachd, nan codal, an uair a chaidh Criosduidh seachad air a thurus; agus feuch bha iad crochta ann an iarnuibh air taobh eile na slighe. Tròc. Thuirt i ris-san a b’ fhear-iuil doibh, Cò iad an triuir dhaoine sin? agus c’arson a chaidh an crochadh? Mis. Bu luchd mi-bheus an triuir dhaoine sin: cha robh tlachd aca fein a bhi nan luchd-cuairt, agus cò air bith a b’ urrainn doibh a chumail o dhol ann, bha iad ga dheanamh: bha iad fein gu dearmadach amaideach, agus ge b’e ghabhadh an comhairle, mholadh iad doibh a bhi ann cuideachd; agus theagaisg iad doibh a bhi earbsach [TD 186] gum biodh iad sàbhailte air a cheann ma dheire, Bha iad nan codal ’n uair chaidh Criosduidh seachad, agus tha iad air an crochadh a nis ’n uair tha sibhse dol ann! Trocair. Ach an robh iad comasach air impidh a chuir air neach sam bith a bhi ’nam barail-san? Mis. Bha iad; chuir iad ioma neach as an t-slighe. Chomhairlich iad do Thriall-mall a bhi mar iad fein. Chuir iad mar an ceudna impidh air Gearr-bheachd, air Spìocach, air Leamhadus, air Trom-cheann, àgus air boirionnach òg eile d’am b’ ainm Neo-shunnt gu bhi mar bha iad féin. Osbarr thog iad droch alladh air ar Tighearna, a’ cuir an céill gun robh e na mhaighstir cruaidh. Thug iad mar an ceudna droch thuairesgeul air an deagh fhearann, ag ràdh, nach robh e leth co math ’s a bha cuid a’ cuir an céill. Thòisich iad ri droch thuaileas a thogail air a chuid seirbhiseach, a’ meas nach robh sa chuid a b’ fhearr dhiubh ach muinntir mheachranach, ghabhunnach, agus dhraghail: A bharr air sin, theireadh iad plaoisg ri aran Dhe; faoineachd ri co’-fhurtachd a chuid cloinne; agus gum bu chùis gun seadh saothair agus triobluid nan oilthireach. Bana. M’as daoine mar sin ’a bh’ annta, cha sil mi deur am feasd g’an cumhadh; cha d’fhuair iad ach na thoill iad; agus air leam gur math an gnothach iad a bhi co dlù air an t-slighe, chum gum faic daoin eile iad, agus gun gabh iad sanus o na dh’ éirich dhoibh-san. Nach b’ iomchuidh gum biodh an lochdans’ air an sgriobhadh air carradh iaruinn no umha, agus a chuir suas far an do chuir iad an t-olc an gniomh, a chuir eagail air daoin’ eile o leithid a dheanamh? Mis. ’S amhuil a tha e air a dheanamh, mar a chi thu, ma théid thu beagan ni’s dlùithe do’n bhalladh. Tròc. Ro mhath; crochadh iad an sin, agus biodh an ainm fo mhi-mheas, agus maireadh cuimhn air an lochdaibh: ’s math a thachair e gun deach an crochadh mu’n d-thainig sinne aig ar n-aghaidh; no cò aig a bheil fios ciod a dh’ fhaodadh iad a dheanamh air boirionnaich bhochda mar tha sinne? An sin chuir i e air canntaireachd, mar a leanas. [TD 187] Nis fanaibh ’n crochadh air a chrann Mar chomharr air droch-bheirt; A’s deanadh e-san thig nar déigh Ur dìol-sa bhi na bheachd. Gun luchd-turuis a chuir as a chòir, No’n claonadh o’n dòigh cheart; A’s seachnamsa gu dìleas dlù Luchd tuaileis Righ nam feart. Mar so dh’ imich iad air an aghaidh gus an d-thainig iad ìochdar Bruthach na h-eigin, agus dh’ innis an deagh charaid, Misneachail, dhoibh ciod a thachair san àite sin ’n uair a chaidh Criosduidh seachad. Thug e’n toiseach chum an tobair iad: Feuch, thuirt e, ’se so an tobar as an d’òl Criosduidh mu’n do dhìrich e’m bruthach so, a’s bha e san àm sin glan gun druaip, ach tha e nis air a shalachadh le cosaibh cuideigin leis nach b’àill gu’n caisgeadh luchd-turuis an ìotadh as: ris an dubhairt Tròcair, C’ar son a tha iad co mi-rùnach? Ach thuirt am fear-iuil, ni e fhathast gnothach, ma chuirear ann an soitheach math e; oir an sin sìola’idh an salachar gu ìochdar an t-soithich, agus bithidh an t-uachdar glan. B’eigin doibh-san sin a dheanamh. Nochd e dhoibh an sin an da fhrith-rathad a bh’aig ìochdar an t-sléibhe, far an do chaill Riaghailt agus Cealgoir iad fein, Agus thuirt e, gun robh na sligheachan sin ro-chunnartach. Agus ged a tha sibh a’ faicinn gu bheil iad air am bacadh, agus air an druideadh le slabhrui’bh, le cleth a’s casan, agus le eileach, gidheadh tha cuid ann a ghabhas mar roghainn dol mar sin, seach de dhragh a chuir orra fein na dhìreas am bruthach. Bana. Is cruaidh slighe luchd-eusantois. Gnàth. xiii. 15. Is iongantach gur urrainn doibh dol a steach annta sin gun bhi’n cunnart dol as an amhaich. Mis. Gabhaidh iad cuid an cunnairt agus ma thachras gum faic a h-aon de sheirbhisich an Righ iad, agus gun glaodh iad riu, gu bheil iad san t-slighe dhocharaich, agus an cunnart a sheachnadh; ’s ann a their iad riu, na éirig, Nach éisd iad ris na thuirt iad riu an ainm an Righ; ach gu cinnteach ni sinn gach uile ni a thig a mach as ar beul fein. Ier. xliv, 16, 17. Ni h-e amhain sin, ach ma sheallas sibh beagan air ur n-aghaidh, chi sibh gu [TD 188] bheil an t-slighe faicilleach ni’s leoir air a h-ioma-dhruideadh a stigh; gidheadh theid iad fhathast ann. Bana. Dh’ fhartluich an leisg orra; cha ghabh iad dragh am bruthach a dhìreadh. Agus tha e air a choilionadh dhoibhsan, mar tha e sgrìobhta. Tha slighe an leisgein mar challaid droighinn. Gnath. xv. 19. Is fearr leo imeachd air ribe no am bruthach so a dhìreadh, agus an t-slighe chum a bhaile a ghabhail. An sin thòisich iad ris a bhruthach a dhìreadh; ach mu’n d-rainig iad am mullach theann a Bhana-Chriosduidh ri àinich, agus thuirt i, is docair a bheinn so; cha’n ìoghnadh ged a roghnaich iadsan leis an docha socair na math an anma, rathad is usa. An sin thuirt Tròcair, ’s eigin domh suidhe; ’s fheudar dhomhsa sin cuideachd, ars am fear a b’òige de ’n chloinn. Na suidhibh idir san àite so, arsa, Misneachail, oir tha suidheagan an Righ beagan os ar ceann: an sin ghabh e ’m fear beag air laimh, agus thug e chum an t-suidheagan iad. An uair a thainig iad a chum an àite sin, bha iad uil’ an geall air suidhe, oir bha iad ro bhlàth le strìgh dìreadh na h-uchdaich. An sin thuirt, Tròcair, nach taitneach fois do’n aitim a bhios sgìth! Mat. xi. 28. Nach math a gheibhear Uachdaran an luchd-thuruis a shòlair a shamhuil so de dh’ ionad fois doibh! Chuala mi iomad iomra ma’n t-suidheagan so; ach cha’n fhaca mi riamh roimhe e. Thugamaid an aire nach coidil sinn an so; oir, mar a chuala mi, ’s daor a dhìol Crìosduidh air sin a dheanamh. An sin thuirt Misneachail ris a chloinn, Cionnas a nis a tha sibh mo leanabana àillidh? Ciod ur barail mu dhol air chuairt? Fhreagair am fear a b’ òige, cha mhòr nach d’thug mi thairis, ach tha mi toirt buidheachais duitsa a rinn còmhnadh rium ’am fheum. Agus tha e nis a’ teachd gu m’ chuimhne na dh’ innis mo mhàthair dhomh, eadhon, Gun robh an t-slighe do fhlaitheas gu cas corrach, agus an t-slighe chum ifrinn gu còmhnard socair. Ach ’s fearr leamsa an uchdach a dhìreadh chum beatha, na’m bruthach a thearnadh chum bàis. An sin thuirt Tròcair, Ach ’s e’n sean fhocal, Tha’m bruthach a thearnadh so-dheanta: Ach, arsa Seumas, am [TD 189] fear a b’òige, Thig an là, a reir mo bharailse, gur e’m bruthach a thearnadh is deacaire ra dheanamh. ’Smath an gilleadh thu, thuirt Misneachail, thug thu deagh fhreagradh dhi. An sin rinn Tròcair gàire, ach bha nàire air an leanamh. Bana. Thigibh agus ithibh greim, am feadh a tha sibh a’ gabhail fois. Oir tha’n so mìr de ghran-ubhall, a thug am Fear-teagaisg dhomh, maille ri cnuachd de chìr-mheala, agus searrag dhibhe. Bha mi meas, arsa Tròcair, gun d-thug e ni-eigin duit, a chionn gun d-rinn e guth a leth-taobh ort. Rinn e sin, thuirt an té eile: Ach mar thuirt mi riut an toiseach, bithidh agadsa co’-roinn de gach math a gheibh mise, a chionn gun d’fhalbh thu co toileach leam. An sin thug i do Thròcair agus do’n chloinn, agus dh’ ith iad deth: Agus thuirt i ri Misneachail, an gabh thu co’-roinn leinne? Ach fhreagair e, gun robh iadsan a’ dol a thriall air an turus, agus tha mise ri pilleadh dhachaidh gun dàil; gu ma math a ni e dhuibh fein. Cha’n ’eil e na annas ormsa, oir tha mi gu lathail ga fhaighinn aig an tigh. An uair a dh’ith agus a dh’òl, ’s a rinn iad càileigin chainnte, thuirt am fear-iùil riu, Gum b’ àm dhoibh a bhi falbh, ma bha iad ga fhaicinn iomchuidh. Leis a sin dh’imich iad agus chaidh a chlann air thoiseach orra; ach dhi-chuimhnich a Bhana-Criosduidh a searrag dhibhe a thoirt leatha; agus chuir i fear de’n chloinn ga h-iarruidh. Thuirt Tròcair, cha chreid mi nach ionad calldaich an t-àite so. ’Sann an so a chaill Criosduidh a sgriobhadh; agus ’s ann an so a dh’ fhàg a Bhean a searrag na diaigh. Ciod a dhuine is cionfath dha so? Fhreagair am fear-iuil i, gun robh e a’ tachairt o chodal no o dhi-chuimhn: tha cuid a’ codal ’n uair bu chòra dhoibh bhi nam faireach; agus tha cuid a’ dearmad ’n uair bu chòir dhoibh cuimhneachadh; agus ’se so a cheart aobhar mu bheil cuid de luchd-turuis, aig na h-ionadaibh-suidhe, a’ tighinn deth sa chall. Bu chòir de luchd-turuis a bhi ri faire, agus a chuimhneachadh na fhuair iad cheana r’a mhealtuinn; ach le cion sin a dheanamh, ’s minig a tha an gairdeachas a’ criochnachadh gu deurach; mar thachair do Chriosduidh san àite so. [TD 190] An uair a thainig iad chum an àite san d’thug An-earbs’ agus Cion-cruadail oirp gu Criosduidh a philleadh air eagal nan leomhann, chunnaic iad ionad àrd, agus clàr leathann air ri aghaidh na slighe, agus rann sgrìobhta air a dh’innse c’arson a bha e. Thugadh an ti a chi so aire D’a theangaidh, a’s d’a chrì; Mu’n éirich beud is measa dha; ’Sgur h aithreach leis mar ni. B’e ’n sgriobhadh a bha fo’n rainn “Gun robh so air a chuir suas chum peanas a dheanamh orrasan, air am biodh sgàth dol ni b’ fhaide air an turus, le cion-cruadail no an-earbsa.” Chaidh mar an ceudna san ionad so, toll a dheanamh le iarunn teith ann an teanguidh An-earbsa, agus Chion-cruadail, a chionn oirp a thoirt air Criosduidh a chumail air ais air a thurus. An sin thuirt Tròcair, tha so ann an càil cosmhuil ri cainnt an t-Salmadoir. Salm cxx. 3, 4. Ciod a bheirear dhuit? no ciod a nithear ort, a theanga chealgach? Geur shaighde laoich, le éibhlibh de’n aiteal. Mar so chaidh iad air an aghaidh, gus an d-thainig iad sealladh nan leomhann. A nis bha Misneachail na dhuine laidir, cha robh sgàth air roi leomhainn: Ach an uair a thainig iad fa’r an robh na leomhainn, chaidh a chlann a bha air thoiseach oirre a nis nan déigh, oir bha eagal aca roi na leomhainn. Le so fhaicinn thuirt am fear-iuil, Tha mi tuigsinn, a chlann, gur math leibh a bhi air thoiseach far nach mothaich sibh cunnart, ach ’s deoin leibh bhi air dheire ’n uair chunnaic sibh na leomhainn. Am feadh a bha iad a’ triall air an aghaidh, tharruing Misneachail a chlaidheamh, chum an t-slighe a réiteachadh do’n luchd-turuis a dh’ aindeoin nan leomhann. An sin thainig fear gu còmhnadh a dheanamh ris na leomhainn; agus thuirt e ri fear-iuil nan oilthireach, Ciod a thug an so thu? B’e ainm an fhir Gruamach, oir b’àbhaist da bhi na nàmhuid do luchd-turuis, agus b’ann de na famhairibh e. Mis. Tha na mnathan agus a chlann so a’triall air oilthireachd, agus ’s ann mar so is eigin doibh dol, agus [TD 191] théid iad ann, a dh’ aindeoin na ni thu fein agus na leomhainn. Gruam. Chan i so an slighe ’s cha mhò a thriallas iad oirre. ’S ann a thainig mise gu cur nan aghaidh, agus gabhaidh mi leis na leomhainn. Cha robh ach beag dhaoine re ùine mhòr roimhe sin a’ gabhail na slighe, a thaobh gairge nan leomhann, agus gruamaichead an fhir a bh’ air an crann, ionnas gun robh feur air fàs air an t-slighe. An sin thuirt a Bhana-Chriosduidh, Ged a bha na rathaide mòra gun tathuich roimhe so, agus ged a dh’imich an luchd-turuis air rathaidibh seachranach, cha’n fhaod a chùis a bhi mar sin, o’n a dh’ éirich mise. A nis o’n a dh’ éirich mis ’am mhàthair ann an Israel. Breith v. 6, 7. Gruam. An sin mhionnaich e air no leomhainn, gum bitheadh; agus dh’iarr e oirre gabhail as an t-slighe, ’s nach faigheadh iad seachad mar sin. Mis. Ach thug am fear-iuil a cheud ionnsuidh air Gruamach, agus ghabh e dha co neo-maitheach le chlaidheamh ’s gun do chuir e an ruaig air. Gruam. An sin thuirt e, ’s e teicheadh, Am marbh thu mi air mo chrìch fein? Mis. ’S e rathad mòr an Righ air a bheil sinn, agus chuir thusa do chuid leomhann nan cnaip’-starraidh air an t-slighe; ach ge nach ’eil na boirionnaich agus a chlann so ach lag, theid iad air an aghaidh air an t-slighe thar amhaich do chuid leomhann. Le sin a ràdh tharruig e ’n lamh agus bhuail e gu tàbhachdach e, leis an do chuir e air a ghlùinibh e. Leis a bhuille so bhris e chlogaid, agus ghearr e ’n leth lamh dheth. An sin raoic am famhair co oillteil ’s gun do chuir e uamhas air na h-oilthirich, ach gidheadh bha iad toilichte ’n uair a chunnaic iad e ’n a shìneadh a’ call fhola. Bha na leomhainn an ceangal, agus cha b’ urrainn doibh beud sam bith a dheanamh. Uime sin an uair a bha Gruamach marbh, thuirt Misneachail riu iad ga leanailt-san, agus nach d-thigeadh dochann sam bi orra o na leomhannaibh. Air an aobhar sin chaidh iad air an aghaidh; ach bha na mnathan air bhall-chrith an àm dhoibh bhi dol seachad: bha chlann mar an ceudna [TD 192] an droch cor le h-eagal; ach fhuair iad uile seachad gun tuille ciorraim. Cha b’fhada gus an d’thainig iad gu tigh an dorsair; oir bha eagal na h-oi’ch orra, uime sinn luathaich iad an ceum, a chionn gun robh e cunnartach a bhi coiseachd feadh na h-oi’che. ’S an uair a thainig iad an geata, bhuail am fear-iuil a bh’ ac’ aige, agus thuirt an Dorsair, Cò bha’n sin? Ach co luath ’s a chual e am fear-iuil ag ràdh, ’S mis a th’ ann, dh’ aithnich e a ghuth, agus thainig e nuas; oir bha’m fear-iuil cleachdta ri bhi tighinn a’ deanamh iuil do luchd-turuis. An uair a thainig e nuas, dh’ fhosgail e’n dorus, agus air dha am fear-iuil fhaicinn, cha d-thug e’n aire de na mnài agus de’n chloinn, oir bha’n dorch ann, thuirt e, Ciod a Mhisneachail a th’ air t-aire co anmoch a so? Thainig mi, thuirt e, le luchd-turuis, agus tha òrdugh aca o m’ Thighearna tàmh a ghabhail an so an nochd. Bhithinn an so o chionn fada, mar cuirte moille orm leis an fhamhair a b ’àbhuist dol an leith-sgeul nan leomhann; ach an diaigh dhomh cath gailbheach a bhi agam ris, sgath mi as e, agus thug mi an luchd turuis gun chiorram chum an àite so. Dor. Nach d-théid thu stigh, agus nach fuirich thu gu maduinn? Mis. Cha d-théid, pillidh mi an nochd fhathast a dh’ ionnsuidh mo Thighearna. Bana. O! a dhuin’ fhoghaintich, cha’n ’eil fios agam cionnas a dhealaicheas sinn ruit air ar turus; bha thu co tairis chaoimhneil ruinn; chuir thu’n cath co duineil as ar leth; bha thu co dùrachdach g’ar comhairleachadh, ’snach di-chuimhnich sinn am feasd do chaoimhneas duinn. Tròc. B’fhearr leam gum biodh do chuideachd againn gu ceann ar n-uidhe! Cionnas is comasach do bhoirionnaich bhochda mar tha sinne, dol roi shlighidh a tha co làn de thriobluidibh’s a tha i so, gun charaid gun fhear-dìon? Seum. Thuirt am fear a b’òige de’n chloinn ris, O! deonaich dol leinn, chum ar còmhnadh, a chionn gu bheil sinne co lag, agus an t-slighe co cunnartach. Mis. Tha mis’ air iartas mo Thighearna: ma dh’ àithneas e dhomh a bhi’m fhear-iuil agaibh gu ceann ur n-uidhe, ’s deonach a ni mi e; ach tha choir’ agaibh fein nach d’ [TD 193] iarr an toiseach e; oir an uair a thuirt e rium teachd an fhad so leibh, an sin bu chòir dhuibh asluchadh air gun leigeadh e gu ceann ur turuis leibh mi, agus dheonaicheadh e dhuibh e. Ach san àm so ’s eigin domh ur fàgail, agus a nis a dheagh Bhana-chriosduidh, a Thròcair, agus mo chlann ghasta, slàn leibh: An sin dh’ fheoraich an dorsair Furachair, de Bhana-chriosduidh cò bu dùthaich, agus bu chàirdean dith; fhreagair i, gun d-thainig i o bhaile Leir-sgrios; gum bu bhanntrach i, gun robh a fear marbh, d’am b’ainm Criosduidh am fear-turuis. Am b’e sin t-fhear, ars’ an dorsair? B’e, thuirt ise, agus is iad sin a chlann; agus ’s i’n nighean so aon de mhuinntir a bhail’ aguinn. An sin bheum an dorsair a chlag, mar is gnà leis air a shamhuil sin de chionfath, agus thainig chum an doruis aon de na Cailinibh, d’am b’ainm Inntinn-iriosal. Agus thuirt an dorsair rithe, i dhol a dh’innse dhoibhsan a bha steach, Gun robh a Bhana-chriosduidh, bean Chriosduidh, agus a clann air teachd an fhad so air an turus air oilthireachd. Chaidh i uime sin a steach, agus dh’ innis i dhoibh e. Agus O! bu shòlasach leo an sgeul ’n uair a chual iad e. Thainig iad le dian chabhaig chum an dorsair, oir bha Bhana-chriosduidh na seasamh fhathast aig an dorus. An sin thuirt cuid de’n mhuinntir bu shuidhichte rithe, Thig a steach a Bhana-chriosduidh, a bhean a bh’ aig’ an deagh dhuine, thig a steach, thu fein agus na tha maille riut. Mar sin chaidh i a steach, agus lean a clann, agus a bana-chombanach i. An uair a chaidh iad a steach, chaidh an toirt do sheomar ro mhòr, far an d’ iarradh oirre suidhe; shuidh iad agus chaidh ceannard an tighe a ghairm chum am beatha a dheanamh. An sin thainig iad a steach agus shuidh iad, agus air dhoibh a thuigsinn cò iad, chuir iad fàilt oirre le pòig, agus thuirt iad riu, ’S e ur beatha, a shoithichean gràis Dhe; ’s e ur beatha againne a chàirde dìleas. A nis, a chionn gun robh e anmoch, agus do bhrìgh gun robh an luchd-turuis sgìth, agus fann le bhi ’g amharc na caomhnaig, agus leomhainn bhorba, dh’ iarr iad orra deanamh deas co luath ’sa dh’ fhaodadh iad chum gabhail mu thàmh. Ach thuirt muinntir an tighe riu, nach [TD 194] gabhadh, gus an itheadh iad greim bìdh; oir dh’ uimich iad uan fa’n comhair, leis na nithibh a bhuineadh dha. Eoin i. 29. Oir chual an dorsair gun robh iad a’ teachd, agus dh’ innis e dhoibhsan a bha steach e. Mar sin an diaigh na suipearach, ’s a chriochnaich iad an ùrnuigh le salm a sheinn, dh’ asluich iad comas dol a luidhe. Ach ma dh’ fhaodas mi bhi cho dàna, rachamaid a luidhe sa cheart seomar san do luidh m’fhear ’n uair a bha e’n so; rinn iad mar sin, agus luidh iad uile san aon seomar. An uair a ghabh iad mu thàmh thòisich a Bana-chriosduidh agus Tròcair ri labhuirt mu nithe a bha feumail. Bana. ’S beag a bha fiuthair agam aon uair, gun d-thiginn an diaigh m’fhir air a thurus. Tròc. ’S ceart co beag a bha dùil agad gun luidhe tu na sheomar, agus na leabuidh, mar tha thu sa cheart àm so. Bana. Is lugha na sin a bha fiuthair agam e fein fhaicinn ann an sòlas, no idir gun d-thugainn aoradh leis-san do’n Tighearn an Righ; ’s gidheadh tha dòchas agam a nis gun tachair sin. Tròc. Eisd! An cluinn thu fuaim? Bana. Air leam gun cluinn, ’s ann a tha ’n ceol so mar ghairdeachas gun d-thainig sinne an so. Tròc. ’Siongantach sin! ceol san tigh, ceol sa chridhe, agus ceol mar an ceudna ann an nèamh, a chionn gu bheil sinne ann an so! Thug iad mar sin ùine bheag a’ còmhradh, agus choidil iad. ’San uair a dhùisg iad sa mhadainn, thuirt a Bhana-Chriosduidh ri Tròcair. Bana. Ciod a thug ort a bhi gàireachdaich an raoir a’ d’ chodal? Tha mi ’m barail gun robh thu bruadar? Tròc. ’Smi a bha; agus bu taitneach am bruadar e; ach am bheil thu cinnteach gun d’ rinn mi gàire. Bana. Rinn thu sin; ghàir thu gu soilleir; ach guidheam ort innis domhsa do bhruadar. Tròc. Bha mi bruadar gun robh mi ’m shuidh am aonar an àit uaigneach, a’ caoidh cruas mo chridhe. Air leam nach robh mi fada san ionad sin, ’n uair a thainig mòran m’ am thimchioll gam fhaicinn, a dh’ éisdeachd ris na thuirt mi. Dh’ éisd iadsan, agus bha mis’ [TD 195] a’ caoidh cruas mo chridhe. Le so a chluintinn, rinn cuid diubh gàire fanoid umam, thuirt cuid eile nach robh annam ach òiseach, agus theann cuid eile ri m’ thilgeadh a nunn agus a nall. Le iad a dheanamh sin, air leam gun d’amhairc mi suas, ’s gum faca mi aon a’ teachd a’ m’ ionnsuidh air a sgiathaibh; agus thuirt e rium, Ciod a dh’ fhairich thu, a Thròcair? ’San uair a chual e mo ghearan, thuirt e, Gun robh sìth dhuit: thiormaich e mar an ceudna mo shùilean, agus sgeudaich e mi le h-airgiod agus le h-òr. Esec. xvi. 8,—13. Chuir e slabhruidh òir mum mhuineal, cluas-fhailean am chluasaibh, agus crùn maiseach air mo cheann. An sin ghlac e air laimh mi, agus thuirt e, a Thròcair, lean mise. Dh’ imich e suas, agus lean mis e, gus an d-thainig sinn geatadh òir. An sin bhuail e; ’s an uair a chaidh fhosgladh, chaidh an duin’ a steach, agus lean mis e chum righ-chathair, air an robh fear na shuidhe; agus a deir e rium, ’Se do bheatha a nighean. Bha’n t-ionad ag amharc dealrach, mar a ghrian; agus air leam gum faca mi t-fhear san àite sin: agus mhosgail mi o m’ aisling, ach an d’rinn mi gàire? Bana. Rinn! agus ’s math a dh’fhaodadh tu sin, a chionn thu t-fhaicinn fein co rìomhach. Oir tha mi ’g innse dhuit gum bu mhath am bruadar a bh’ ann; agus tuigidh tu gum bi e mar sin air a cheann ma dheire. Oir labhraidh Dia aon uair, seadh, dà uair, ge nach d-thoir duine fainear, ann an aisling, ann an taisbein na h-oidhche, ’n uair a thuiteas codal trom air daoinibh, ’n uair a bhios iad nan suain air an leabaidh. Iob. xxxiii. 14, 15. Cha ruig sinn a leas fuireach nar dùisg a chainnt ri Dia air ar leabaidh, tha easan comasach air teachd far am bi sinn nar suain, agus a thoirt oirn a ghuth a chluintinn. Tha ar cridhe gu minic ’na dhùisg ’n uair a bhios sinne ’nar codal, agus labhraidh Dia ris a sin, aon chuid le cainnt, le gnàth-fhocail, le comharraibh, no le samhluibh, co math ’s ged a bhiodh aon na dhùisg. Tròc. O’n a tha chùis mar sin, ’s toilichte mi de’m aisling, oir tha fiuthair agam nach fada gus an d-thig i gu crìch, chum gun dean mi gàireadh a rithist. Bana. Saoilidh mi gur mithich dhuinn éiridh, agus fios fhaghail ciod is còir dhuinn a dheanamh. [TD 196] Tròc. Ma bheir iad cuire dhuinn fuireach ré seal, gabhamaid ris gu toileach. Tha mi ni ’s deonaiche fuireach an so c’ar tamuill, a chum gum fàs mi eolach air na h-òighean sin; air leam gu bheil Crionnachd, Cràbhadh, agus Seirc, eireachdail agus suidhichte nan coslas. Bana. Chi sinn ciod a ni iad. Uime sin an uair a bha iad nan uidheam, chaidh iad sios, agus dh’ fhiosraich iad ga chéile mar fhuair iad tàmh na h-oidhche. Tròc. Gu ro mhath; cha d’fhuair mi riamh tàmh a b’ fhearr. An sin thuirt Crionnachd agus Cràbhadh, ma ghabhas sibh os laimh fuireach an so ré tamuill, ’se ur beatha gus an ni is fearr a th’ againne r’a thoirt duibh. Seirc. ’Se le ceud gean-math. Mar so dh’ aontaich iad fuireach ré còrr agus mìos, agus bha iad feumail ga chéile. ’Sa chionn gum b’ àill le Crionnachd a thuigsinn mar dh’ àraich a Bhana-chriosduidh a cuid cloinne, dh’ iarr i cead an ceasnachadh. Fhuair i làn chomas sin a dheanamh; agus thionnsgain i air Seumas, am fear a b’ òige. Crion. Agus thuirt i, Thig a Sheumais, an aithne dhuit innse dhomh, Co rinn thu? Seumas. Rinn Dia an t-Athair, Dia am Mac, agus Dia an Spiorad Naomh. Crion. ’S math an gill’ thu. An aithne dhuit co a shaor thu? Seum. An t-Athair, am mac, agus an Spiorad Naomh. Crion. Ro mhath. Ach cionnas a tha Dia an t-Athair ged shaoradh? Seum. Tre a ghràs. Crton. Cionnas a tha Dia am Mac ged shaoradh? Seum. Le a dhìoladh agus le Eadar-ghuidhe. Crion. Agus cionnas a tha Dia an Spiorad Naomh ged shaoradh? Seum. Le shoillseachadh, le ath-nuadhachadh, agus le a choimhead. An sin thuirt Crionnachd ris a Bhana-chriosduidh, ’S cliuiteach dhuit mar tha thu togail do chuid cloinne. Tha mi cinnteach nach ion domh na ceistean sin fheòraich de ’n chuid eile dhiubh, o’n a tha’m fear is òige co fiosrach [TD 197] umpa. Bheir mi nis ionnsuidh air an ath-fhear is òige. Crion. An sin thuirt i ri Ioseph, oir b’e sin ainm, an deoin leat mise ged cheasnuchadh? Ios. Tha mi ro dheonach. Crion. Co e ’n duine? Ios. Bith reusonda, air achruthachadh le Dia, mar thuirt mo bhràthair. Crion. Ciod a tha’m focal saoradh a’ cialluchadh? Ios. Tha gun d-thug an duine e fein, trid a pheacaidh, do staid ciomachais agus truaighe. Crion. Ciod a tha air a chiallachadh le bhi air ar saoradh leis an Trionaid? Ios. Tha gu bheil am peacadh na an-tighearna co cumhachdach, ’s nach urrainn aon neach ar toirt as a charamh ach Dia; agus gu bheil Dia co bàigheil chàirdeil ri daoinibh, ’s gun do shaor e da rìreadh as a chor thruagh so iad. Crion. Ciod a bha’n rùn Dhe leis an duine shaoradh? Ios. Bha glòir ainme, a ghràis, agus a cheartais, &c. agus sonas siorruidh a chinne-daoine. Crion. Co iad iadsan a theid a shaoradh? Ios. Iadsan a ghabhas r’a shaoradh-san: Crion. A Ioseiph, ’s math a theagaisg do mhàthair thu, agus thug thus an deagh aire do na thuirt i riut. An sin thuirt i ris an fhear a b’fhaigse dha, Crion. Thig, a Shomhairle, am bheil thusa toileach do cheasnachadh? Somh. Tha, m’as toil leats e. Crion. Ciod e an t-ionad Flaitheas? Somh. Ionad agus cor ro bheannuichte, a chionn gu bheil Dia ’gabhail comhnuidh ann. Crion. Ciod an t-àit a th’an ifrinn? Somh. Ionad agus cor ro bhrònach, a chionn gur ann a tha’m peacadh, an diabhol, agus am bàs a ’gabhail còmhnuidh. Crion. C’arson bu mhath leat dol do Nèamh? Somh. Chum gum faic mi Dia, agus gun d-thoir mi seirbhis gun sgìos da; chum gum faic mi Criosd, agus gun d-thoir mi gràdh bith-bhuan da; chum gum bi lànachd [TD 198] sin an Spioraid Naoimh annam, nach fhaod mi air aon chor a mhealtuinn an so. Crion. ’S math am fleasgach thusa cuideachd, agus ’s math a dh’ ionnsuich do mhàthair thu. An sin thuirt i ri Mata, oir b’e sin ainm an fhir bu shine, An àill leatsa mise ged cheasnachadh? Mat. ’S àill. Crion. Feoraicheam dhiot ma ta, An robh bith aig aon ni air thoiseach air Dia? Mat. Cha robh; oir tha Dia bith-bhuan: cha mhò a bha bith aig aon ni, ach aige fein, gu toiseach a cheud là. Oir an sè laithibh rinn Dia nèamh agus talamh, an fhairge agus gach ni a ta annta. Crion. Ciod a bharail a th’ agad mu’n Bhìoball? Mat. Tha, gur e focal naomha Dhe e. Crion. Am bheil aon ni sgriobhta ann nach eil thu tuigsinn? Mat. Tha iomad ni. Crion. Ciod a ni thu ’n uair a thàrlas ni ort nach urrainn duit a thuigsinn? Mat. Tha mi meas gur e Dia gu mòr is glice na mise. Tha mi fòs a’guidhe air gun nochd e dhomh na h-urrad deth ’s a bhios chum mo mhath. Crion. Ciod a bharail a th’ agad mu aiseirigh nam marbh? Mat. ’Si mo bharail gun éirich iad mar chaidh an adhlacadh; ionann ann an gnè, ge nach bi iad ionann ann an truailli’eachd. Agus tha mi creidsinn so air dha sheol; Air tùs, Arson gun do gheall Dia e, ’S an dara h-àite, A chionn gur urrainn da a choi’-ghealladh. An sin thuirt Crionnachd ris a chloinn, ’S eigin duibh éisdeachd fhathast ri ’r màthair, oir ’s urrainn di tuille fhoghlum dhuibh. ’S eigin duibh cuideachd an aire thoirt do gach seanachas math a chluinneas sibh aig daoin eile: ’s ann air ur sons’ a their iad e. Thugaibh an aire chùramach do na tha neamh agus talamh a’ teagasg dhuibh: ach gu sònruichte bithibh tric a’ cnuasachd an leabhair bu chionfath air ur n-athair a dh’fhalbh air oilthireachd. Foghlumaidh mise dhuibh gach ni a dh’ fhaodas mi am [TD 199] feadh a bhios sibh an so, agus bithidh mi toilichte ma dh’ fheòraicheas sibh dhiom nithe a bhios chum ur leas. Ach cha robh an luchd-turuis an sin ach seachduin, an uair a bha suirthich aig Tròcair, gam b’ ainm. Grad-charach, duine bha fior mhodhail, ’s a bha gabhail os laimh a bhi diadhaidh, ach bha e ’n ro gheall air an t-saoghal. Mar so thainig e uair no dha a dh’ ionnsuidh Thròcair agus leig e ris a ghràdh dhi. Bha Tròcair fior mhaiseach, agus thaitinn i gu math ris. Bha i ro ghniomhach, cha robh i deonach bhi idir na tàmh; oir mar biodh aice fein a bheag r’a dheanamh, bhiodh i ’g obair air deanamh aodaich dhoibhsan a bhiodh feumach. Agus a chionn nach robh Grad-charach fiosrach ciod a bha i deanmh riu, thaitinn e gu math ris nach robh e ga faicinn idir na tamh: air leis gun deanadh i deagh bhean-tighe. Dh’innis Tròcair mu’n t-suirtheadh do na h-ingheanaibh eile bha m’an tigh, agus rannsuich i mu thimchioll an fhir, oir b’aithne dhoibhsan e ni b’fhearr na b’aithne dhi ’s e. Dh’innis iad di gun robh e na dhuine anabharra gniomhach, a’ gabhail air a bhi diadhaidh, ach gun robh iad fo eagal nach robh mòran de chumhachd na diadhachd aige. Cha bhi cuid agamsa dheth, mata, arsa Trocair; oir tha mi cuir romham nach gabh mi am feasd fear a bhios na leth-trom air m’anam. Fhreagair Crionnachd, Nach cuireadh e mòr dhragh oirre a chuir o’r cùl; oir nan leanadh i air a dheanamh mar bu ghnà leatha, nach b’fhada gus nach cuireadh e dragh oirre. B’ ionann a thachair, oir an ath-uair a thainig e bha i mar b’àbhuist di a’ deanamh suas cheartaichean fa chomhair nam bochd. An sin thuirt e rithe, Am bi thu do ghnàth a deanannaich? Bithidh, a deir ise, an darna cuid domh fhein no do chàch. Agus cia meud a chosnas tu san latha, thuirt e-san. ’Sann, ars ise, a tha mi deanamh nan nithe sin chum gum bi mi saibhir an deagh oibribh, chum gun suidhich mi deagh stéigh, gu greim a dheanamh air a bheatha mhaireannaich, 1 Tim. vi. 17, 18, 19. Ciod a ni thu dhiubh, thuirt e-san? Sgeadaichi mi an lomnochd [TD 200] leo, deir ise; ’N uair a chual e sin thuit a dha laimh r’a thaobh; agus cha d-thainig e tuill air an t-suirtheadh: ’S an uair a dh’fhiosraicheadh, dheth ciod bu choireach ris, thuirt e gun robh Trocair na boirionnach eireachdail, ach gun robh droch smuainte cuir dragh oirre. An uair a dh’fhàg e i, thuirt Crionnachd rithe, Nach dubhairt mise ruit nach b’fhada gus an tréigeadh e thu? Cha’n e a mhàin sin, ach togaidh e droch alladh ort: Oir ged a tha e gabhail air a bhi diadhaidh, agus gu bheil gràdh aige do Thròcair; gidheadh tha ’n da ghnè co calg-dhìreach ’an aghaidh a chéile, ’s nach saoil mi gun d-thig iad am feasd cuideachd. Tròc. Dh’fhaodainse bhi pòsda roimhe so, ge nach robh mi ga sheanachas; ach cha bu toigh leo mo sheol, ge nach robh coireadh aca ri fhaotainn do m’ choslas: Air chor ’s nach do chòird sinn. Crion. S’ beag meas a th’ air Tròcair r’ar linn-ne, ach an t-ainm: ’s beag a bheir spéis do d’ ghnàthachadh-sa. Tròc. Cha’n’eil comas air, mar gabh a h-aon idir mi, buanaichidh mi am òighe, no bithidh mo ghnàthachadh dhomh an àite fir-phòsda. Cha’n fhaod mi mo ghné a mhùghadh; agus arson fear a ghabhail a bhiodh an aghaidh mo nàduir, ’s fearr leam gu mòr a bhi folamh. Bha piuthar dhomhsa, d’am b’ainm Fiughantach, pòsda ri fear dhiubh sud; ach dh’fhartluich orra còrdadh; ach o’n a chuir mo phiuthar roipe gum buanaicheadh i mar thòisich i, le bhi caoimhneil ris na daoinibh bochda, chuir an t-Iargaltaiche ud a mach air an dorus i. Crion. Cuiridh mi geall gum b’fhear-aidmheil e. Tròc. B’ fheadh gu deimhin; agus ’s eagal leam gun robh e mar tha mòran deth mhuinntir an t-saoghail; ach cha bhi cuid agam dhiubh. San àm so dh’ fhàs Mata, am mac bu shine bh’ aig a Bhana-chriosduidh gu tinn, agus bha e ro an-shocrach, le goimh a bha na innigh; ionnas gun robh e air uairibh fo chràdh anabarrach. Bha thàmh goirid uatha sean léigh d’am b’ ainm Eolach; chuir iad ga iarruidh ga fhaicinn, agus thainig e. An uair a dh’ fheuch e chuisle, ’s a ghabh e beachd air an òganach, thuig e a thinneas; agus thuirt [TD 201] e r’a mhàthair, Ciod an lòn a bha e cleachda fhaotuinn? Cha ’n ’eil aon ni ars a mhàthair, ach lòn fallain. Thuirt an Léigh gun d’ith e o chionn ghoirid ni-eigin nach do chnàmh e, agus nach falbhadh e gun chungai-leighis a ghnàthachadh. ’S eigin da puragaid fhaotuinn, no cha bhi e beo. An sin thuirt Somhairle r’a mhàthair, ciod an ni a thrus agus a dh’ ith mo bhràthair? co luath sa thàr sinn o’n gheata bha aig ceann na slighe so: m’as cuimhne leibh e, bha lios meas ri taobh na slighe, agus bha cuid de ’n toradh an crochadh thar a bhalladh, agus spion agus dh’ith mo bhràthair cuid deth. Bana. Tha thu fior, mo leanamh, deir i, dh’ ith e dheth gun ag: Bhac mis e, ach dh’ ith e dheth an aghaidh mo thoile. Léigh. Thuig mise gun d’ ith e ni-eigin nach robh math; agus ’s e am meas sin an ni is cronaile dh’ fhaodadh e ithe. ’Se toradh lios-meas Bheelsebuib a th’ ann. Is ìoghnadh leam nach d’ thug aon neach sanus duibh uime; ’s iomad neach a thug e am bàs. Bana. An sin bhuail a Bhana-chriosduidh a basan, agus thuirt i, O a leinimh amaidich, agus a mhàthair neo-chùramaich, ciod a ni mi riut? Léigh. Na bi gu ro mhòr air do chùradh; faodaidh e bhi ga math fhathast; ach ’s eigin da puragaid thilgidh a ghabhail. Bana. Na caomhainn saothair a chaitheadh air, agus buin ris a réir t-fhiosrachaidh, ga b’e luach a bheir mi na éirig. Léigh. Cha’n eagal nach còird sinn, Eabh. x. 1, 2, 3, 4. Mar sin rinn e puragaid dha, ach bha i ro lag; chaidh a deanamh suas le fuil ghabhar, le luaithre aighe, agus le sùgh hisop, &c. An uair a mhothaich an Léigh gun robh phuragaid tuille ’s lag, dh’ ullaich e aon eile bha freagarrach: a rinneadh de chorp agus de dh’ fhuil Chriosd, Eoin vi. 54, 55, 56, 57. Eabh. ix. 14. Bheir lithichean cungai-leighis iongantach do’n mhuinntir a bhios fo ’n cùram; agus bha i so air a deanamh suas, le gealladh no dhà agus le cuibhrionn iomchuidh de shalunn, Bha e ri tri dhiubh sin a ghabhail a cheud-longaidh, ann an leth- [TD 202] bhodach de dheoir an aithreachais. An uair a bha ’n ìoc-shlainte so na h-uidheam, ’s air a toirt a dh’ ionnsuidh an òganaich, cha bu deoin leis agabhail, ged a bha e air a chràdh le goirteas, mar gun spìont as a chéile e. ’S fheudar dhuit a gabhail, thuirt an Léigh. Tha e teachd am aghaidh, ars an gille; ’s eigin duit a gabhail, thuirt a mhàthair, Sech. 12, 10. Dìubhairidh mi rìs i, ars an gille. Ciod am blas a th’ air, thuirt a mhàthair ris an Léigh? Cha ’n ’eil droch bhlas sam bith air, thuirt an Léigh; agus leis a sin bhuin i ris le barr a teangadh: Agus thuirt i ris, O a Mhata, tha ’n ìocshlaint so ni’s mìllse no mil. Gabh i air ghaol do mhàthar, do bhràithrean, do bheatha fein, agus air ghaol Tròcair. Ach mu dheire le mòran earaluchadh, agus le ùrnuigh ghearr arson a soirbheachadh, ghabh e i, agus dh’ oibrich i gu sèimh air. Chuir i thairis e ann am pràmh codail, leis an d’ fhuair e fallas, a chuir air falbh an goirteas. An ùine bheag dh’ éirich e, agus bha e na urrainn dol m’an cuairt le luirg, agus rachadh e o sheomar gu seomar, agus dheanadh e cainnt ri Crionnachd, ri Cràbhadh, agus ri Seirc, mu thimchioll a thinneis, agus mar chaidh a leigheas. ’San uair a bha ’n t-oganach glan leighiste, dh’ fheoraich a Bhana-chriosduidh de’n Léigh, ciod a b’ eigin da fhaotainn arson a shaothair agus a chùraim a ghabh e do’n ghille?Agus a deir e, “’S eigin duit ìocadh do Cheannard oiltigh nan Léighean,” Eabh. xiii. 11, 12, 13, 14, 15: a réir gnà na cùise. Bana. Ach a deir ise, ciod tuille air am math an iocshlainte so? Léigh. Is ìocshlaint choitchionn i: tha i math arson gach gnè eacail a bhios air luchd-cuairte; ’s an uair a theid a h-ullachadh air chòir, gleidhidh i a feart ùine mhòr. Bana. Bi co math ’sgun dean thu suas domhsa dà bhòstan dheug dhith; oir ma gheibh mi iad sin, cha ghabh mi cungaidh leighis sam bith eile. Léigh. Tha ’n ìocshlaint so math a chumail air ais eucail, co math ’s gan leigheas ’n uair a thig iad air neach. Faodaidh mi a ràdh le barandas, ma ghnàthaicheas duine [TD 203] an ìocshlainte so, gun d-thoir i air duine bhi beo gu siorruidh, Eoin. 6, 50. Ach a dheagh Bhana-chriosduidh, cha ’n fhaodar a gabhail air aon doigh eile ach mar sheol mise, no cha dean iad feum sam bith. Uime sin thug e dhith ni ’s leoir air a son fein, arson a cuid cloinne, agus arson Tròcair; agus thuirt e ri Mata an aire thoirt mar dh’ itheadh e meas an-abuich a rithist; agus an uair a phòg se iad, dh’ fhalbh e roimhe. Chaidh ainmeacha roimhe, gun dubhairt Crionnachd ris a chloinn gum faodadh iad ni air bith a bhiodh feumail fheoraich dhith, agus gun innseadh i dhoibh e. An sin thuirt Mata rithe, C’ arson mar bu trice bhiodh blas searbh air cungaidh-leighis? Crion. A nochda cia neo-thaitneach a tha focal De, agus a thoradh, do chridhe feolmhor. Mat. C’ arson a dh’ oibricheas puragaid ma bhios i math? Crion. A nochda gun glan am focal an cridhe, agus an inntinn, ’n uair a dh’ oibricheas e gu h-éifeachdach, araon do’n anam agus do’n chorp. Mat. Ciod bu chòir dhuinn a thuigsinn le lasair ar teine a dhìreadh suas? agus a’faicinn gathan àigh agus cumhachd drùighteach na gréine a’ tearnadh a nuas? Crion. Le dol suas an teine, tha e teagasg dhuinn dìreadh ri flaitheas, le tograidh dhian dhùrachdaich: agus leis a ghréin a chuir a teas, a gathan agus a cumhachd drùighteach a nuas, tha e teagasg dhuinn gu bheil Slanuighear an t-saoghail, ged a tha e àrd, a’ruigheachd a nuas oirne le ghràs agus le ghràdh. Mat. Cia as a tha’n t-uisge aig na neoil? Crion. As an fhairge. Mat. Ciod a tha sin a’ teagasg dhuinn? Crion. Gum bu chòir do luchd-teagaisg an teagasg fhaghail o Dhia. Mat. C’arson a tha na neoil gam falachadh fein air an talamh? Crion. A nochda gum bu chòir do luchd-teagaisg na b’aithne dhoibh mu Dhia fhoillseacha do dhaoinibh. Mat. C’arson a chithear am bogha frois ris a ghréin? [TD 204] Crion. A nochda gu bheil coi-cheangal gràis Dhe air a dhaighneachadh dhuinn ann an Criosd. Mat. C’arson a tha na tobraichean a’teachd d’ar n-ionnsuidh-ne o’n fhairge? Crion. A nochda, gu bheil gràs Dhe a’teachd d’ar n-ionnsuidh-ne tre chorp Chriosd. Mat. C’arson a tha cuid de na tobraichibh ag éiridh o mhullach nam beann? Crion. A nochda gun éirich spiorad na’n gràs suas ann an cuid-eigin a tha àrd agus cumhachdach, co math a’s anntasan a tha bochd agus iosal. Mat. C’arson a tha’m beothachadh a’ fastadh air buaichd na coinnleadh? Crion. A leige ris duinn m’ar ’eil gràs a’ beothachdh a chridhe, nach bi solas na fior bheatha annainn. Mat. C’arson a tha bhuaichd agus a gheir uile gu bhi air an caitheamh, a chumail suas solus na coinnleadh? Crion. A Leige ris duinn gum bu chòir do’n chorp agus do’n anam a bhi feitheamh, chum gràs De annainne a choimhead ann an deagh riaghailt. Mat. C’arson a tha’m Pelican a’lotadh a h-uchd fein le gob? Crion. A bheathachadh a h-àlaich le fuil, agus leis a sin a nochdadh gu bheil na h-urrad ghràidh aig an t-Slanuighear bheannuichte d’a shluagh, is gun do shaor e iad o’n bhàs le fhuil. Mat. Ciod a theagaisgeas gairm a choilich do neach? Crion. Teagaisgidh peacadh agus aithreachas Pheadair. Tha gairm a choilich mar an ceudna a nochda, gu bheil an là am fagus; cuireadh ma ta gairm a choilich a d’ chuimhne mu latha deireannach agus uabhasach a bhreitheanais. Bha a nis mu’n àm so am mìos a muigh; uime sin thuirt iad ri muinntir an tighe gum b’iomchuidh dhoibh bhi falbh. An sin thuirt Ioseph r’a mhàthair, cha chòir dhuibh a dhi-chuimhneachadh fios a chuir chum an Fhir-theagaisg, a dh’ asluchadh air Misneachail a chuir d’ar n-ionnsuidh, chum gun dean e ’n t-iul duinn air an t-slighe. ’S math a fhuaradh tu a chuir am chuimhne; ’s beag nach do dhi-chuimhnich mi e. Rinn i [TD 205] suas iartus, agus dh’earaluich i air Furachair an dorsair, e ga chuir le laimh iomchuidh chum an Fhir-theagaisg; ni an uair a chunnaic e athchuinge an iartuis, thuirt e ris an teachdaire, Imich, agus innis doibh gun ruig e. An uair a thuig an teaghlach san robh a Bhana-chriosduidh gun robh a rùn orra bhi triall, ghairm iad an teaghlach uile co’-lath, a thoirt buidheachais do’n Righ a chionn e chuir aoidhean co tarbhach dhoibh d’an ionnsuidh. An uair a rinn iad sin, thuirt iad ris a Bhana-chriosduidh, Nach fearr dhuinn càileigin a nochda dhuitse, mar is gnàth leinn a dheanamh do luchd-turuis, air am bi thu meoraich air an t-slighe? Mar so thug iad i fein, a clann, agus Tròcair, do sheomar beag, agus nochd iad doibh aon de na h-ùbhlaibh d’an d’ith Eubh, ’s a thug i fòs d’a fear: ni arson iad ga dheanamh a chuireadh a mach a phàrras iad; agus dh’fheòraich iad dith ciod a bh’ann? Thuirt ise, Gur ni bh’ann lòn no nimh: cha’n aithne dhomh’ cò aca ath’ann. Dh’innis iad an sin a chùis dith, agus bha i fo ìoghnadh. Gein. iii. 6. Rom. vii. 24. An sin thug iad i do dh’ionad eile, agus nochd iad dith fàra Iacoib: agus bha san àm sin cuid de na h-aingil a’ dìreàdh air. Dhil-bheachdaich a Bhana-chriosduidh agus a comunn air na h-aingil a dìreadh. An sin bha mhiann orra an toirt do dh’ ionad eile, chum ni-eigin a nochda dhoibh; ach thuirt Seumas r’a mhàthair, Guidh oirre iad a dh’fhuireach tamull eile san àite so, oir ’s iongantach an sealladh so. Phill iad a rìs, agus dh’amhairc iad air an t-sealladh thaitneach so. An diaigh so thug siad iad do dh’ àite far an robh achdair òir an crochadh, agus dh’ iarr iad air a Bhana-chriosduidh a toirt a nuas; oir, thuirt iad rithe, gheibh thu fein leat i; oir tha e anabharra feumail dhuit i bhi agad, chum gun deanadh tu greim air na tha ’n taobh a stigh de’n roinn-bhrat, agus gum buanaich thu seasmhach, ged a thig deuchainn a d’ charamh: Bha iad toilichte arson sin. Eoin. i. 15. Eabh. vi. 19. Gein. xxviii. 12. An sin thug iad leo iad chum an t-sléibhe far an do thairg Abraham Isaac a mhac ìobradh, agus nochd iad doibh an altair, an connadh, an teine, agus an sgian; oir tha iad a làthair gus an là an diugh. An uair a chunnaic iad na nithe sin, thog iad an làmhan, agus choisrig iad iad [TD 206] fein, agus thuirt iad, Och! nach b’anabarrach an duine Abraham fein, arson a ghràidh a bh’aige ga Chruthai’ear, agus arson fhein-àicheadh! An déigh dhoibh na nithe sin fheuchainn doibh, thug Crionnachd a steach iad do sheomar àluinn far an robh dà inneal chiuil, agus chluich i orra mu na chunnaic iad, air a mhodh so, Dh’fhoillsich sinn ubhall Eubha dhuibh, Chum faicill bhi oirbh roimh: Chunnaic sibh fàradh Iacoib fòs, ’S a dìreadh air na slòigh; Achdair do’n anam fhuair sibh ann; Ach na bu leoir leibh so; Ach gus, mar rinn Abraham, an Iobair sibh ur ’n iobairt mhath. Mun àm so bhuail aon aig an dorus, agus an uair a dh’fhosgail an dorsair e, cò bh’ann ach Misneachail? agus bha aoibhneas orr’ uile chionn gun d-thainig e, oir thainig e ’n sin gu h-ùr nan aire, mar mharbh e Gruamach am famhair, ’s a shaor se iad o na leomhannaibh. An sin thuirt Misneachail ris a Bhana-chriosduidh, agus ri Tròcair, Chuir mo Thriath a dh’ionnsuidh gach té agaibh searrag fhìona, beagan de shìol cruaidh, agus càraid ghràn-ubhall: Chuir e mar an ceudna chum na cloinne cuibhrionn fhìgis agus fhion-dhearc, chum ur cumail suas gu beothail air ur turus. An sin dh’ imich iad air an turus; agus chaidh Crionnachd, agus Cràbhadh leo. An uair a thainig iad far an robh ’n dorsair, dh’ fheoraich a Bhana-Chriosduidh dheth an deachaidh aon neach seachad o chionn ghoirid? Fhreagair e, nach deachaidh, ach aon fhear, a thuirt ris gun d’ rinneadh slad mòr air rathad mòr an Righ, an taobh a theid sibhse: Ach, thuirt e gun robh an luchd-reubainn air an glacadh, agus gun d thugta an ùine ghearr breth orra arson am mi-ghniomh. An sin ghlac eagal Bana-Chriosduidh agus Tròcair; ach thuirt Mata, a Mhàthair c’arson a bhios eagal oirbh a chionn gu bheil Misneachail ri dol leinn, a dheanamh an iùil duinn. An sin thuirt a Bhana-Chriosduidh ris an dorsair, ’S mòr a tha mi d chomain, arson gach caoimhneas a nochd thu dhomhsa, agus do m’ chloinn o’n a thainig sinn an [TD 207] so; cha’n fhios domh cia mar bheir mi co’-leasacha dhuit air a shon; uime sin, gabh, guidheam ort, am beagan so; Le so a ràdh chuir i bonn òir na làimh, agus thug e buidheachas dith air a shon, agus thuirt e, Gun robh do thruscan do ghnà geal, agus nior robh do cheann a dh’ easbhuidh ola. Gu maireadh Tròcair beo, gun am bàs fhaghail, agus na biodh a h-oibre tearc. Agus thuirt e ris a chloinn, Teichibh o ana-miannaibh na h-òige, agus bithibh an tòir air naomhachd maille riusan a tha gu suidhichte ciallach; agus le bhi mar sin ni sibh cridhe ur màthar ait, agus gheibh sibh cliu o gach neach deagh-bheusach. Thug iad buidheachas da arson a dheagh chomhairle, agus dh’fhalbh iad. A nis chunnaic mi am aisling, gun deach iad air an aghaidh gus an d-thainig iad gu beul a bhruthaich, far an d’éigh Cràbhadh, gun d’rinn i di-chuimhn, air ni-eigin a bha rùn orra thoirt do Bhana-Chriosduidh, agus d’a comunn: Theid mi air m’ ais ga iarruidh, agus ruidh i ann, a’s thug i leatha e, An uair a bha iad nan stad ga feitheamh, air leis a Bhana-Chriosduidh gun cual i ann an doire dlù goirid uatha air an laimh dheis, ceol ro bhinn bhlasda, ’sna briathraibh so; Tha fad mo chuairt san t-saogh ‘l a bhos, Do dheagh-ghean soilleir dhomh; ’S gun còmhnuicheam do ghnà ad theach, Gu suthainn sìor le m’ thoil. Agus air dhith éisdeachd a rìs air leatha gu’n cual i aon eil’ a’ freagairt, C’ arson? A chionn gu bheil ar Triath, ‘Sa thròcair, math a’s buan: Tha fhìrinn fòs neo-chaochlaideach, O linn gu linn a nuas. Dh’ fhiosraich a Bhana-Chriosduidh de Chrionnachd cò rinn an ceòl sin? Dàin. ii. 11, 12. Thuirt i gun robh eoin an dùchadh-san; cha seinn iad na pongan sin ach ainmig, ach an àm an earraich, ’n uair a chithear na blàithean, agus a bhios teas na gréin ann, faodaidh tu ’n sin an cluintinn fad an latha gu h-iomlan. ’S minic a theid mise, deir i, gan éisdeachd: ’s tric a tha iad fòs càlld’ [TD 208] aguinn ’n ’ar teach. ’S taitneach leinn an ceol ’n uair bhios sinn dubhach; fàgaidh iad mar an ceudna na coilltean na doireachan, agus na h-ionaid uaigneach, ro-ion-mhiannaichte bhi annta. Thainig Cràbhadh m’an àm so air a h-ais; agus thuirt i ris a Bhana-Chriosduidh, feuch thug mi an so ad’ ionnsuidh mion-chunntas mu gach ni a chunnaic thu am feadh a bha thu maille ruinne, air am faod thu amharc, ’n uair a bhios tu ’n cunnart an di-chuimhneachadh, agus an toirt a rithist gu d’ chuimhne chum do leas. Thòisich iad a nis ri tearnadh a bhruthaich do Ghleann na h-Irisleachd. Bha’m bruthach cas, agus bha’n rathad sleamhuin, ach bha iad air am faicill, agus rainig iad gun tuisleadh. An uair a bha iad sa ghleann, thuirt Cràbhadh ris a Bhana-Chriosduidh, ’S ann an so a thachair t-fhear air an droch spiorad Apoluon, ’s an do chuir iad an cath gailbheach. Tha fios agam gu’n cuala tu uime: Ach biodh deagh mhisneach agad; cha’n eagal duit am fad ’sa bhios Misneachail ’na fhear-iuil agad. ’S an uair a dh’ earb iad an luchd-turuis r’ am fear-iuil, dh’ imich e air thoiseach orra, agus lean iadsan e. Mis. Cha ruig sinn a leas eagal a bhi oirn sa ghleann so; oir cha’n éirich beud dhuinn, mar tarruing sinn fein oirn e. Thachair gun amharus Apoluon air Criosduidh san àite so, ris an do chuir e cruaidh chath; ach b’e’n còmhrag sin toradh nan tuisli’ean a fhuair e an àm tearnnadh a bhruthaich; oir faodaidh iadsan a thuislicheas an sin sùil a bhi aca ri cruaidh chòmhrag an so. Agus ’s ann air a shon so a fhuair an gleann ainm a bhi co deacair. Oir saoilidh an sluagh, ma chluinneas iad gun éirich a bheag do neach ann an àite, gum bi droch-spioraid a’ taghall an ionaid sin; an uair is ann arson am mi-ghniomh fein a tha e teachd nan caramh. Tha Gleann so na h-Irisleachd, na ghleann co tarbhach s a tha r’a fhaotainn; agus ’s meallta mise, nan amaiseamaid air an àite, mar faodamaid tachairt air ni-eigin a leige ris duinn c’arson a chaidh Criosduidh a chuir thuige cho chruaidh san àite so. An sin thuirt Seumas r’a mhàthair, Tha carradh an sud na sheasamh, agus chi mi m’ar gum biodh ni-eigin sgriobht’ [TD 209] air; rachamaid a dh’ fhaicinn ciod a th’ ann. Chaidh iad a dh’-fhaicinn, agus chunnaic iad a chainnt so a leanas sgriobht’ air, Biodh na tuisli’ean a fhuair Criosduidh m’an d-thainig e ’n so, agus an luchd a thachair air san àite so nan sanuis do dhaoin’ eile a thig na dhéigh. Feuch, ars am fear-iuil, nach d’innis mi dhuibh gun robh ni-eigin mu’n àite so ri fhaicinn a bheireadh fios dhuinn c’arson a thainig deuchainn cho chruaidh air Criosduidh? Cha tàmailte sin do Chriosduidh ni ’s mò na do ioma neach eile gan do thachair e san ionad so. Oir ’s usa am bruthach so a dhìreadh na thearnadh, ni nach do thachair do bhruthach sam bith eile sna criochaibh so. Ach fàgaidh sinn a nis an duine math a mhealtuinn a shuaimhneis, oir thug e buaidh ghaisgeil air a nàmhuid: Gun deonaicheadh Dia nach éirich ni ’s measa dhuinne, ’n uair a thig deuchainn oirn. Ach thig sinn a rìs do Ghleann so na h-Irisleachd. Is e mìr fearainn is fearr agus is feumaile anns na criochaibh so uile. Tha e na thalamh reamhar, agus, mar chi sibh, tha e mar is pailte na chòmhnard: agus nan d-thige duine ann an àm an t-samhruidh, mar a tha sinne, cha b’urrainn e gun taitneadh ris. Faicibh co gorm ’s a tha ’n gleann so, agus cia maiseach ’sa tha e le lilighibh, Dàn. ii. 1. Seum. iv. 6. 1 Pead. v. 6. B’aithne dhomhsa iomad fear obair a fhuair deagh oighreachd an Gleann so na h-Irisleachd; oir tha Dia a’ cur ann aghaidh an uaimhrich, ach a toirt an tuille gràis do’n iriosal; oir tha gu deimhin an talamh ro thordhach. Bha cuid a’ guidhe, gum b’e so an t-ath-rathad gu tigh an Athar, chum nach cuirte dragh tuille orra le beantaibh no le sléibhtibh chum an imeachd; ach ’s eigin an t-slighe ghabhail far am bi i. Ach mar bha iad a’dol air an aghaidh, chunnaic iad balachan beag ag inealtradh caoraich athar. Bha a thrusgan ro thruagh, ach bha a ghnùis gu ruiteach àillidh; agus air dha bhi na shuidhe leis fein, bha e gabhail òrain. Eisdibh, arsa, Misneachail ris na tha buachaille nan caorach ag ràdh; mar so dh’ éisd iad, agus thuirt e, [TD 210] Lem’ chuibhrionn tha mi toilichte, M’as beag no mor a th’ann: A’s deonaich dhomh do ghnà a bhi A chaoidh mar sin gach àm. An sin thuirt am am fear-iùil, Am bheil sibh ga chluintinn? Cuiridh mi geall gu bheil am buachaille so a’ caitheadh a bheatha ni’s sunntaiche, agus a’ sealbhachadh tuille de’n luibh sin ris an abrar bhi-toilichte, na tha e-san a tha sgeudaichte ann an truscan rìomhach; ach mar bha sinn ag ràdh: Anns a ghleann so bha tigh-sàmhruidh aig air Triath roimhe so; agus bu chaomh leis a bhi ann: bu toigh leis a bhi spaidsearachd air na h-àileinibh ud: os barr, bithidh duin ann san àite so saor o fhuaim agus o ùinich na beatha so: tha gach cor làn othail agus mi-riaghailt; ’s e amhain Gleann na h-Irisleachd a tha folamh agus aonaranach. Cha chuirear bac air beachd-smuainteacha duine san aite so, mar is tric a thachras an àitibh eile. Is gleann so anns nach miannach le aon neach imeachd ach iadsan a tha cionail air beatha oilthirich. Agus ged a bha de mhi-shealbh air Criosduidh gun do choinnich Apoluon e, ’s gun deachaidh e chaonnaig ris, gidheadh ’s tric a thachair aingil air daoinibh san àite so, a fhuair iad nithe luachmhor, agus san ionad so a fhuair iad focail na beatha, Hos. xii. 4, 6. Thuirt mi gun robh roimhe so tigh-sàmhruidh aig ar Triath san àite so, agus gum b’ionmhuinn leis a bhi sràid-imeachd ann. Their mi a bharrachd air a sin, gun d’ fhàg e san àite so, agus acasan a tha ’g àiteachdh an ionaid so, na h-urrad sa bhliadhna, chum bhi diongmhalt air àmaibh àraidh, chum am beathachadh air an t-slighe, ’s a thoirt an tuille misnich dhoibh gu falbh air an turus. An uair a bha iad mar so ag imeachd, thuirt Somhairle ri Misneachail, tha mi tuigsinn gur h-anns a Ghleann so, bha ’n cath eadar m’ athar agus Apoluon: ach c’àit an robh e, oir tha mi faicinn gu bheil an gleann farsuing? Mis. Bha’n cath eadar t-athair agus Apoluon aig ionad àraidh a tha romhainn, aig bealach cumhang, an taobh thall do dh’ fhaiche na di-chuimhn. Agus gu deimhin ’s [TD 211] e’n t-àite sin ionad is cunnartaich a tha ’sna crìochaibh sin uile; oir ma thig aig àm sam bith sgiorradh ’an caramh luchd-turuis, ’s ann an uair a dhi-chuimhnicheas iad na sochairean a fhuair iad, agus co neo-aithrigh ’s a tha iad air am faotainn, a thachras sin. ’S ann an so cuideachd a fhuair iomadh neach cruaidh dheuchainn. Ach innsidh mi’n tuille uime ’n uair a thig sinn da ionnsuidh; oir ’si mo bharail gu bheil gus an latha ’n duigh ni-eigin a làthair a nochdas far an robh an cath, no cuimhneachan eigin air a chuir suas mar dhearbhadh gur ann an sin a chuireadh an cath. An sin thuirt Tròcair, Air leam gu bheil mi co ceart sa ghleann so ’s a bha mi’n aon àite fad ar turuis. Tha’n t-àite co’-fhreagradh do m’ inntinn; is taitneach leam a bhi far nach ’eil tailmrich charbad no srannraich each. Faodaidh aon, san àite so, smaoineacha ciod e e fein, co as a thainig e, ciod a rinn e, gus ciod gus an do ghairm an Righ e. Faodaidh aon smuainteacha san àite so, a chridhe a leaghadh, inntinn a mhaothachadh, gus am fàs a shùilean mar loch-éisg Hesboin. Dàn. vii. 4. Salm lxxiv. 5, 6, 7. Hos. ii. 15. Tha iadsan a theid gu ceart troi Ghleann so Bhaca, a’ deanamh tobar dheth; tha fòs an t-uisg a tha Dia cuir a nuas orra a’lionadh nan tobar. ’S ann as a ghleann so a bheir an Righ dhoibh fion-liosan; agus seinnidh iadsan a theid troimhe mar rinn Criosduidh, ged a thachair Apoluon air. Mis. Tha sin fior. Chaidh mis iomad uair troi’n ghleann so, agus cha robh mi riamh ni b’fhearr na bha mi ann. Bha mi mar an ceudna am fhear-iuil aig iomad fear-turuis, agus dh’aidich iadsan an ni ceudna. Amhaircidh mi air an duine so, deir an Righ, eadhon airsan a tha bochd, agus leointe na spiorad, ’s a tha air chrith roi’m fhocal. Bha iad a nis air teachd chum an àite san do chuireadh an cath roi’-ainmichte. An sin thuirt am fear-iuil ris a Bhana-chriosduidh, ris a chloinn, agus ri Tròcair, ’S e so am blàr-cathachaidh a bh’ aig Criosduidh ’n uair a thainig Apoluon na aghaidh: agus mar chomharradh air an fhìrinn, faicibh an so cuibhrionn de dh’ fhuil Chriosduidh [TD 212] air na clochaibh sin gus an latha ’n diugh: faicibh mar an ceudna mar chi sibh air an sgapadh an so ’s an sud spealgan de shaighidibh briste Apoluoin. Faicibh cuideachd mar a dhinn iad an talamh le’n cosaibh, ’n uair a bha iad an cruaidh spairn ri chéile; cionnas fòs a sgoilt iad na clochan fein le’m frith-bhuillibh. Dhearbh Criosduidh e fein san àite so mar dhuine, agus nochd e gun robh e na fhior ghaisgeach. An uair a chuireadh an ruaig air Apoluon, theich e chum an ath-ghlinne, d’an goirear Gleann sgàil a Bhàis, chum an d-thig sinne an ùine ghearr. Feuch, chi sibh thall ud, clach-chuimhneachain air a chaonnaig ud, agus air buaidh-làraich Chriosduidh, air a bheil e sgriobhta mu thimchioll na rinn e, mar chliu dha feadh gach linn. Chaidh iad ga fhaicinn, agus leugh iad an sgriobhadh, agus b’e so e: Cuimhneachan air buaidh Chriosduidh, sa cheud earrainn. Goirid uaith so chaidh cath a chur, Ro iongantach, ach fior; Eadar Criosduidh ’s an droch spiorad, Le spionnadh nach robh clì. Chog an duiue co gaisgeil thréin, ’S gun theich an uilbheist mhòr; ’S tha mis an so mar chuimhneachan A dhearbha dhuibh nach sgleò. An uair a chaidh iad seach an t-àite so, thainig iad an co’-chrìch ri Sgâil a bhàis; agus bha ’n gleann so ni b’ fhaide na’n gleann eile: bha e mar an ceudna air a thathaich le ioma droch ni, mar tha fios aig ioma neach: Ach thèaruinn na mnài agus a chlann ud ni b’ fhearr san dol troi, chionn gun robh Misneachail a’deanamh an iùil doibh. An uair a dh’ inndrinn iad sa ghleann so air leo gun cual iad osnaich ro mhòr mar o dhaoinibh marbha. Air leo gu’n cual iad cuideachd caoi ro-ghoirt, mar o dhaoinibh ann an cràdh ro chràitich. Chuir iad sin geilt mhòr air a chloinn; agus dh’ fhàs na boirionnaich lag air bhall- [TD 213] chrith; ach thuirt am fear-comhaideachd riu gun eagal a bhi orra. Mar sin chaidh iad uidhe bheag air an aghaidh, agus air leo gun d’ fhairich iad an talamh air chrith fodhpa, mar gum biodh e fàs fodha: chual iad fòs feadail, mar gun deanadh nathraichean e, ach cha’n fhac iad fhathast a bheag. An sin thuirt a chlann, am bheil sinn goirid o bhi mach as an àit’ uamhunnach so? Ach thuirt am fear-iuil riu misneach mhath a bhi aca, ’san ro aire thoirt d’an cosaibh, air eagal gum bi sibh air ur ribeadh ann an lìon. Dh’fhàs Seumas gu tinn, ach ’smòr mo bharail gur e ’n t-eagal a dh’fhàg ann e; ach thug a mhàthair dha caileigin de’n stugh a thug i a tigh an Fhir-theagaisg, agus beagan de’n ìochlaint a thug an Léigh dhith, agus dh’fhàs e ni b’fhearr. Chaidh iad mar so air an adhart, gus an d-thainig iad gu meadhon a ghlinne; agus thuirt a Bhana-chriosduidh, Air leam gu bheil mi faicinn ni-eigin air an t-slighe romhainn, ni nach fhaca mi a choslas roimhe, An sin thuirt Ioseph, A mhàthair chridhe ciod a th’ann? Tha ni grànda, duaichnidh, thuirt i. Ach cò ris a tha e cosmhuil? thuirt e. Cha’n urra mi innse ciod is coslas da, tha e co neònach; agus tha e nis ro dhlù dhuinn. Thuirt Misneachail, fanadh iadsan is mò air a’ bheil de dh’ eagal dlù dhomhsa. Agus thainig an uilebheist air aghaidh, agus chaidh am fear-iuil na chò’-dhail; ach an uair a thainig a far an robh e, chaidh e as am fradharc mar fhaileas: An sin chuimhnich iad mu na chaidh a ràdh; Cuiribh an aghaidh an diabhoil, agus teichidh e uaibh. Chaidh iad an sin tamull beag eil’ air an aghaidh le sàr mhisnich; ach cha b’ fhada chaidh iad gus am faca Tròcair, le sùil a thug i na déigh, mar gum biodh leomhann air an tòir; agus bha e san langanaich a’ teannadh ga’n còir; agus cha robh raoichd a dheanadh e nach freagradh mac-talla nan creag dha, agus bha iadsan uile ga’n cùbadh leis an eagal, ach am fear-iuil. Thainig e ’n sin sa bheucaich far an robh iad, agus chaidh Misneachail air deire na cuideachd, agus chuir e càch air thoiseach air: Thachair an leomhann agus Misneachail aghaidh ri h-uchd, agus bha Misneachail a’ dol a thoirt ionnsuidh air. 1 Pead. v. [TD 214] 8. Ach an uair a thuig an leomhann nach robh coslas géilleadh air an fhear-iùil, shiap e air falbh; agus cha d-thainig e ni b’fhaide. An sin dh’imich iad a rìs air an aghaidh, agus dh’imich Misneachail air an toiseach, gus an d’thainig iad ionad far an robh slochd domhainn air a chladhachadh air an t-slighe taobh ga chéile; agus mun d’fhuair iad dol thairis, thuit dall-cheo agus dorchadas mu’n cuairt doibh, air chor ’s nach bu leur dhoibh. An sin thuirt an luchd-turuis, Mo thruaighe! ciod a ni sinn a nis. Ach fhreagair am fear-iuil iad, Gun eagal a bhi orra, ach iad a sheasamh mar bha iad, ’s gum faiceadh iad mar thige crìoch air so mar an ceudna: Dh’fhuirich iad an sin a chionn gun deachaidh an t-slighe a mhilleadh dhoibh. Bha iad an sin am barail gun cual iad ni bu shoilleireadh fuaim agus gleadhraich an nàmhuid; bha lasair agus deatach an t-sluichd ni b’usa fhaicinn, An sinn thuirt a Bhana-chriosduidh ri Tròcair, Tha mi nis a’ tuigsinn ciod a dh’fhuiling mo chaomh leth-bhreachd san àite so: ’s mòr a chuala mi uime, ach cha’n fhaca mi riamh roimhe e: Mo thruaighe, bu bhochd a chor-san, oir bha e na aonar, agus sann ri oidhche dhall dhorch a thainig e troimhe; bha mar an ceudna a ghràisg ud ag ùinich m’an cuairt da, mar gum b’àill leo a rèubadh as a chéile. ’S ioma neach a labhair uime, ach cha’n fhios doibh ciod e Gleann sgàil a Bhàis gus an d-thig iad ann. Tha’n cridhe fiosrach air a chràdh fein, agus cha bhi co’-roinn aig coigreach na aoibhneas. ’S eagallach an ni a bhi san àite so. Thuirt Misneachail, Tha so cosmhuil ri bhi ’g obair an uisge domhain, no dol sìos do’n doimhneachd; tha so mar gum bitheamaid am meadhon na fairge, agus a’ dol sìos gu ìochdar nam beann: Tha sinn a nis mar gum biodh an domhan le chroinn air ìathadh umainn am feasd; ach cuireadh iadsan a shuibhlas ann an dorchadas, agus aig nach ’eil solus, an dòchas ann an ainm an Tighearna agus an earbsa r’an Dia. Air mo shon fein deth, mar dh’innis mi dhuibh cheana, ’s tric a chaidh mi troi’n ghleann so, agus a bha ’m barrachd eigin orm, na th’ orm an dràsta; agus gidheadh tha mi fhathast beo. Cha b’àill leam uaill a dheanamh, oir cha bhi fhein a tha ga m’ choimhead. [TD 215] Ach tha dòchas agam gun saorar gu math sinn. Thigibh agus deanamaid ùrnuigh ris-san is urrainn ar dorchadas a shoillseachadh, agus a tha comasach, cha ’n e a mhain smachd a thoirt air na nithe sin, ach mar an ceudna air gach deamhan a th’ ann an ifrinn. Mar sin ghlaodh agus rinn iad ùrnuigh ri Dia, agus chuir e solus agus saorsadh d’an ionnsuidh; oir cha robh ni a nis a’ bacadh dhoibh imeachd; cha robh ’sa cheart àite san robh roimhe so clais dhomhainn. Ach cha robh iad fhathast air dol troi ’n ghleann; ach bha iad a’ sîor dhol air an aghaidh, agus bha ro dhroch fhàile a’ cuir mòr dhragh orra. An sin thuirt Tròcair ris a Bhana-chriosduidh, Cha’n’eil na h-urrad thoil-inntinn a bhi ’n so, ’s a tha na bhi aig a gheata, aig tigh an Fhir-theagaisg, no idir aig an tigh san robh sinn ma dheire. Ach, O! deir fear de’n chloinn, cha’n’eil e co deacair dol troi’n ghleann so, ’s a bhiodh e dhuinne fuireach do ghnàth ann: agus tha barail agam gur e aon aobhar arson an eigin duinn dol troi’n ghleann so, chum an tighe a tha air ullachadh far comhair, gum biodh ar dachaidh ni bu taitniche leinn ’nuair a ruigeamaid i. ’S math a thuirt thu sin, a Shomhairle, ars’ am fear-iùil, labhair thu nis mar dhuine. Ach thuirt an gille, ma thig mis am feasd as an aite so, bithidh am barrachd meas agam air solus agus air deagh rathad na bh’ agam riamh roimhe. An sin thuirt am fear-iuil, Bithidh sinn as an àite so an ùine ghearr. Mar so chaidh iad air an aghaidh; agus thuirt Ioseph, Am bheil sinn a’ faicinn ceann thall a ghlinne so fhathast? Ach thuirt am fear-ìùil, ’thoir an aire do d’ chosaibh, oir bithidh sinn air ball am measg riobachan. Gabh iad beachd air an rathad, agus dh’imich iad; ach bha na ribeannan a’ cuir mor dhragh orra. Chunnaic iad san àite sin fear air a thilgeadh ann an clais air an laimh chlì, le fheoil uile air a reubadh as a chéile. An sin thuirt am fear-iuil, B’e ainm an fhir so, Neo-chùram, bha e ’g imeachd air an t-slighe so; ach tha e na shìne san àite sin o chionn ùine mhòr: Bha fear leis d’am b’ ainm Cùram ’n uair a chaidh a chuir gu bàs, ach thàr Cùram as. Cha’n urrainn duibh a smaoineachadh na chaidh a chuir gu bàs mu’n àite so; [TD 216] gidheadh tha daoine co amaideach ’s gun d-thig iad a mach air thurus gun fhear-iuil leo. ’S mòr an t-ìoghnadh leam mar fhuair Criosduidh bochd as; ach bha gràdh aig a Dhia dha; bha e fòs gu misneachail treun, no cha bu chomasach dha dol as. Bha iad a nis a’ teannadh ri bhi aig ceann a ghlinne; agus dìreach far am faca Criosduidh an uadh ’n uair chaidh e seachad, thainig famhair mòr a mach, a bha gnàthaichte ri luchd-turuis a mhealladh le sgeula mealltach, agus rinn e guth ri Misneachail air ainm, agus thuirt e ris, Nach iomad uair a chaidh do chronachadh arson a bhi deanamh sin? An sin fhreagair Misneachail, Ciod e sin? Ciod e sin! ars am Famhair; ’s math a ta fios agad ciod e; ach cuiridh mise crìoch air na gnothaichibh sin. Ach a deir Misneachail, mu’n tòisich sinn, leig dhomh a chluintinn an cionfath mu bheil sinn a’ dol a thuasaid. Bha na boirionnaich agus a chlann nan seasamh air bhall-chrith, gun fhios aca ciod a dheanadh iad. Thuirt am Famhair, Tha gu bheil thu a’ slad na dùchadh, agus sin leis na gaduichibh is measa. Innis domh as an aodunn, thuirt Misneachail, ciod a tha mi deanamh? An sin thuirt am famhair, tha thu cleachda breth-air-eigin a dheanamh air mnathan agus air cloinn, gan toirt do thìr aineoil, agus leis a sin a’ lughdachadh ìochdarain mo mhaighstir-san. Ach thuirt Misneachail ris, Is mise òglach De nèimhe; ’se mo dhreuchd peacaich iompachadh gu h-aithreachas; tha òrdugh agam mo dhìcheall a dheanamh chum daoine, mnathan, agus clann a philleadh o dhorchadas gu solus, agus o chumhachd an droch-spioraid a chum Dhe; agus mar ’eil agad ach sin ri ràdh rium, sìneamaid air co luath ’s a thoilicheas tu. An sin thainig am famhair, agus Misneachail an coinneamh a chéile; agus tharruing Misneachail a chlaidheamh, ach ’s e bachuill mhor a bh’ aig an fhamhair. Gun tuille ràdh thòisich iad air a chéile, agus leis a cheud bhuille thug am famhair chuir e Misneachail air a ghlùn; an uair a chunnaic na mnathan agus a chlann sin, ghlaodh iad: Ach chuimhnich Misneachail air a thapadh, agus dh’ éirich e, agus reub e’m famhair ’s a ghàirdein: bha iad mar so a’ cruaidh-chòmhrag re ùine mhòr, gus an robh an [TD 217] togh analach a bha teachd a mach a cuinneinibh sròin an fhamhair mar thoit a beul coire bhiodh air ghoil. An sin shuidh iad a thoirt fosaidh, ach thòisich Misneachail ri ùrnuigh a chuir suas; bha na boirionnaich agus a chlann ag osnaich, agus a sìor éighich am fad sa mhair an tuasaid. An uair a leig iad an anail, thòisich iad a rìs le ’n uile neart, agus thug Misneachail le buille comasach a chum an làir e: ach dh’ asluich e a leig air a bhonnaibh a rithist. Leig e sin leis gu cothromach, agus cha mhòr a bha eadar am famhair agus ceann Mhisneachail a bhrise le bhachuill. An uair a chunnaic Misneachail sin thug e garbh shichd a dh’ ionnsuidh an fhamhair, agus lot e fo’n chuigibh aisinn e; le sin bha ’m famhair a’ fàs lag, agus cha b’urrainn da a bhachuill iomairt. An sin lean Misneachail a bhuille, agus bhuin e ’n ceann gu fearail deth. An sin thug na mnài agus a chlann gàir éibhinn asda, agus thug Misneachail buidheachas do Dhia arson mar chaidh a shaoradh. An uair a thachair so, chuir iad fein suas carradh, agus chuir iad ceann an fhamhair air; agus sgriobh iad na focail so a leanas air chum gun leughadh luchd ghabhail an rathaid e: Am fear gan robh an ceanns’ tha ’n so Bu choimheach ri luchd-cuairt; Chuir stad nan triall; cha chaomhna neach, Le gnàthacha mi-shuairc; Ach gus an d-thainig Misneachail, Fear-iuil nan daoin air chuairt; ’S gun d’ sgath e ’n ceann gu fearail deth: So comhar’ air a bhuaidh. A nis chunnàic mi gun d’rainig iad ionad àrd a bh’ air thoiseach orra, far an d’ fhuair Criosduidh a cheud sealladh air Dìleas a bhràthair. Rinn iad suidhe san àite sin, agus leig iad an anail; dh’ ith agus dh’ òl iad ann, agus bha iad ait, a chionn gun d’ fhuair iad saoradh o nàmhuid co cunnartach. An uair a bha iad mar so nan suidhe, dh’ fheòraich a Bhana-chriosduidh de ’n fhear-iùil, an d’fhuair e dochunn sam bith sa chaonnaig? Thuirt e nach d’ fhuair, [TD 218] ach a mhain beagan na fheoil; ni nach deanadh coire dha, ach gur h-ann a bhiodh e dha na dhearbhadh air a ghràdh da mhaighstir, agus dhuibh-se; agus bithidh e na mheadhon chum mo dhuais a mheudachadh air a cheann ma dheire. Ach nach robh eagal ort an uair a chunnaic thu e tighinn le bhachuill? Is e mo dhleasnas gun earbs a chur a’ m’ neart fein, ach mo làn earbsa ris-san a tha uile-chomasach, 2 Cor. iv. Ach ciod a bharail a bha agad an uair a leag e thu leis a cheud bhuille? Air leam, thuirt e, gun d’ rinneadh mar sin air an Triath d’a bheil mi géilleadh, ’s gidheadh thug e buaidh air a cheann fa dheire. Thuirt Mata gum faodadh iad uile bhi sa bheachd a thoilicheadh iad, ach gur e air leis fein gun robh Dia anabharra càirdeil dhuinn, an da chuid arson ar toirt as a ghleann so, agus le ’r saoradh a laimh an nàmhuid ud: cha’n’eil mi meas gum bu chòir dhuinn a bhi an-earbsach tuilleadh as ar Dia, a chionn gun d-thug e na h-urrad dhearbhaidh dhuinn air a ghràdh. An sin dh’ éirich iad, agus dh’ imich iad air an turus; agus bha tamull air thoiseach orra darag mhòr, agus an uair a thàr iad far an robh i, chunnaic iad sean fhear-cuairt na shuain chodail fòidhpe: thuig iad gum b’ oilthireach e le éididh, le bhata, agus le chrios. Dhùisg am fear-iùil e, agus thug an seann duine grad leum as, ag ràdh, Ciod a bh’ air an aire? Cò iad? Agus ciod bu ghnothach dhoibh? Na bi co garg, ars’ am Fear-iùil; cha ’n ’eil an so ach càirdean; gidheadh bha ’n seann duine air fhaicill, agus b’ àill leis fios fhaotainn cò iad. An sin thuirt am fear-iùil ris, ’s e m’ ainmse Misneachail; ’s mi fear-iùil an luchd-cuairt so a tha air an turus chum na dùcha nèamhuidh. An sin thuirt Ionraic, oir b’ e sin ainm, Gabh mo leith-sgeul, oir bha eagal orm gum buineadh sibh do ’n chuideachd a shlad a chuid airgid o Bheag-creidimh; ach tha mi nis a’ faicinn nach ann, ach gur daoin is gnèaile sibh. Mis. Ach ciod a dheanadh tu, no idir a b’ urrainn duit [TD 219] a dheanamh, chum thu fein a shaoradh as ar laimh ged a b’ e sin a bhiodh annainn? Ion. Ciod a dheanainn! dheanadh gum builichinn mi fein orra, mu’n leiginn leo; agus nan deanainn sin, tha fios agam nach b’ urrainn doibh buadhachadh am aghaidh; oir cha ’n fhaighear buaidh air Criosduidh, mar gèill e fein. Mis. ’S math a labhair thu, athair Ionraic, ars am fear-iùil; oir tha mi nis a’ tuigsinn gur isein as an nead cheart thu, a chionn gun do chan thu ’n fhìrinn. Ion. Agus tha mis ag aithneacha gu bheil thus a’ tuigsinn ciod e fior oilthireachd; oir ’s i barail chàich gur ann oirne is usa buaidh a thoirt. Mis. O’n a thachair sinn co fortanach, ceaduich dhomh t-ainm agus do thìr fheòraich dhiot? Ion. ’S e m’ ainm Ionraic, agus b’ fhearr leam gum biodh mo ghnàthachadh d’ a réir; agus thainig mi o bhaile Gun-tùr; tha e uidhe mhath an taobh thall do bhaile an Leir-sgrios. Mis. Chuala mi umad o’m Mhaighstir: oir tha e fiosrach air gach ni air thalamh; ach ’s minic a bha ìoghnadh orm gun d-thigeadh aon neach as a bhail’ agaibhse, oir ’s meas e na baile an Leir-sgrios fein. Ion. Seadh gun ag; tha sinne nar luidhe ni ’s mò air chùl na gréine, agus leis a sin ni ’s fiunnaire agus ni ’s neo-mothachaile; ach ged a bhiodh duine ann an cuidhe sneachdai, nan éireadh Grian na Fìreantachd air, thigeadh aiteamh air a chridhe reota; agus b’ amhuil sin a thachair dhomhsa. Mis. ’S math a tha mi creidsinn sin; oir tha mi fiosrach gur i ’n fhìrinn a th’ ann. An sin chuir an seann duine fàilte air an luchd-thuruis le pòig sheirceil, agus dh’ fhiosraich e an ainm, agus cionnas a bha iad o theann iad air an turus? Bana. Dh’ innis i a h-ainm dha, agus thuirt i ris, gur cinnteach gun cual e iomradh air a fear Criosduidh, agus gum b’ iad sin a chearthar chloinne. An uair a chual e sin bha ìoghnadh agus aiteas mòr air! Leum e, ghàir e, agus chuir e ceud fàilt orra, aig ràdh. Ion. ’S mor a chuala mi mu d’ fhear, mu thurus, agus [TD 220] mu gach còmhrag a thachair air air a chuairt. Chum am barrachd toil-inntinn a thoirt duit, tha iomradh air anns gach cearnadh de ’n domhan, rinn a chreidimh, na dh’ fhuiling e, agus a threibh-dhireachd ainmeil e. An sin thionndaidh e ris a chloinn, agus dh’ fheoraich e c’ainm a bh’ oirre, agus dh’ innis iad da. An sin thuirt e, A Mhata, bi thusa mar Mhata an cìs-mhaor, ni h-ann an cionta, ach an deagh-bheus. A Shomhairle, bi thusa mar bha Samuel am fàidhe, làn creidimh agus ùrnuigh. A Ioseph, thuirt e, bi thusa mar bha Ioseph an tigh Photiphar, geimnidh, agus ullamh gu teicheadh roi bhuaireadh. Agus a Sheumais, bi thusa cosmhuil ri Seumas am Fìrean, agus cosmhuil ri Seumas bràthair ar Tighearna, Mat. x. 3. Salm. xcix. 6. Gein. xxxix. Gniomh. i. 14. An sin dh’ innis iad da mu Thròcair, agus mar dh’ fhàg i a dùthaich agus a càirdean, a dh’ fhalbh leis a Bhana-chriosduidh agus le cuid cloinne. An uair a chual an seann duine sin thuirt e, ’S e Tròcair t-ainm, le tròcair cumar suas thu, agus giulainear thu as gach gàbhadh anns am bi thu, gus an ruig thu ceann t-uidhe, far am faic thu gnùis Tobar na Tròcair le mòr shòlas. Bha ’m fear-iùil ro thoilichte leis na chual e fad na h-ùine so, agus dh’ amhairc e le carthanachd air a chòmbanach. Air dhoibh a bhi mar so a’ co’-imeachd, dh’ fhiosraich am fear-iùil de ’n t-seann duine, Am b’ aithne dha Eagallach, a thainig air chuairt o ’n àit’ as an d-thainig e? Ion. ’S aithne gu math, thuirt e; bha e na dhuine aig an robh smior na cùis ann: ach ’se oilthireach bu draghaile a thachair riamh rium. Mis. Tha mi tuigsinn gu’m b’ aithne dhuit e; oir dh’ innis thu gu ceart uime. Ion. Am b’ aithne dhomh e! Bha mi am làn chòmbanach aige: is tric a bha mi maille ris: Bha mi leis an uair a smaoinich e an tùs ciod a thigeadh oirn an déigh so. Mis. Bu mhis a b’ fhear-iùil dha o thigh mo Mhaighstir gu geatadh a bhaile nèamhuidh. Ion. Ma ta b’ fhiosrach thu gun robh e draghail. Mis. B’ fhiosrach mi; ach rachadh agam air giulan [TD 221] leis; oir tha daoine mar sin gu minic aig muinntir mo dhreuchdsa fo ’n cùram. Ion. Leig leinn a chluinntinn mar ghnàthaich e e fein ’n uair a bha e fo d’ chùram? Mis. Bha e fo ghnà eagal nach ruigeadh e an t-àite bu mhiannach leis. Chuireadh gach ni maoim air a shaoileadh e a chuireadh a bheag no mhòr de bhacadh air. Chuala mi gun robh e fad mìos sa ghlaodhaich aig Slochd na mi-mhisnich; agus cha ghabhadh e de mhisnich na theannadh ri dol thairis, ged a bha e faicinn mòran eile a’ dol ann, agus cuid diubh a’ tairgse a threòruchadh air laimh. Cha mhò rachadh e air ais. Chuir e roimhe gum bàsaicheadh e aig a bhaile neamhuidh, mar faigheadh e dol ann; agus gidheadh chuireadh an gnothach bu lugha gu mi-mhisnich e, agus gheibheadh e tuisle ge nach cuireadh neach eile ach cuiseag ga bhacadh. Ach an diaigh dha luidhe fada aig slochd na Mi-mhisnich, mar dh’ innis mi, ghabh e misneach mu éiridh na gréine, agus fhuair e thairis; agus ’s gann a chreideadh e gun robh e ann. Bha mi-mhisneach aige na inntinn, a bha e sior ghiulan m’ an cuairt leis ge b’ e taobh a rachadh e. Thainig e ’n sin a dh’ ionnsuidh an doruis a th’ aig ceann na slighe so; agus sheasamh e iomad seal aige man dùraigeadh e bualadh. An uair a chaidh an dorus fhosgladh, bheireadh e tughadh air ais, agus leigeadh e daoin eile seachad air, a’ meas nach robh e fein aithrigh air dol ann: oir chaidh mòran air thoiseach air a stigh a bha na dhéigh gun ruigheachd. An sin sheasadh e air chrith sa chùbartaich, gun do dhànadas aige na rachadh air aghaidh. Chuireadh e dorran air cridhe neach a bhi ga fhaicinn; ach cha rachadh e troigh air ais. Ma dheire bhuail e gu sèimh aig an dorus, agus chaidh fhosgladh dhà; ach chrùbain e air ais mar rinn e roimhe. Theann am fear a dh’ fhosgail an dorus a nunn da chòir, agus thuirt e ris, fhir na ball-chrith, ciod a tha dhi ortsa? Leis a sin leig se e fein na shìneadh air an talamh. Ghabh am fear a labhair ris iongantas gun d-thainig laigsinn air: Agus thuirt e, Sìth dhuit, dh’ fhosgail mise an dorus duit, thig a steach; oir tha thu beannuichte. Le sin a chluintinn dh’ éirich e, agus chaidh e a steach agus crith air a chruib; ’s an uair [TD 222] a bha e stigh, bu nàr leis gum faicht e. Is an dèigh dha bhi seal air aoigheachd an sin, mar tha fios agad is gnàth leo bhith, dh’ iarradh air imeachd air a thurus; agus sheol iad da an taobh a rachadh e. Thainig e air aghaidh gus an d-thainig e’n tigh againne; ach ceart mar ghnàthaich e e fein aig an dorus, ’s amhuil a rinn e aig dorus an Fhir-theagaisg. Dh’ fhuirich e mach na shìne ri fuachd a ’s ri doininn, m’ an gabhadh e do mhisnich na bhuaileadh aig an dorus, agus bha na h-oidhcheachan gu fada fuar san àm sin; ach cha rachadh e air ais. Bha fòs sgriobhadh aige dh’ ionnsuidh mo mhaighstir chum gu ’n gabhadh e gu suilbhearradh ris; agus gu ’n cuireadh e duine ladurna gramail leis a dheanadh an t-iùl da, a chionn gun robh e fein co athach, ailleil, mheath-chridheach; gidheadh bha sgàth air bualadh aig an dorus, ach gus nach mòr nach do mheathadh e le fuachd ’s le h-ocras: Seadh bha na h-urrad do mheath-inntinn air, ged a bha e faicinn dhaoin eile a’ dol a steach, ’s nach gabhadh e do dhànachd na bhuaileadh. Dh’ éirich dhomhsa, ma dheire, gun d’ amhairc mi mach air an uinneig, agus chunnaic mi tàcharan bochd ri meath-ghluasad m’ an dorus; chaidh mi mach, agus dh’ fheoraich mi dheth, cò e? ach thainig deoir air sùilibh an duine thruaigh, agus thuig mi ciod a bha na aire: chaidh mi steach agus chuir mi ’n céill do mhuinntir an tighe e, agus fhuair ar Tighearna fios air; agus dh’ àithn e dhomsha dol a mach, agus earalachadh gu teachd a steach; ach ’s gann a b’ urrainn domh a dheanamh. Ma dheire dh’ aontaich e teachd ann; agus gu deimhin bha mo Thighearn anabharra suairce ris. Fhuair e cuibhrionn de gach ni a b’ fhearr a bha san tigh. An sin liuthair e an sgrìobhadh, agus sheall mo Thriath air, agus thuirt e ris, gun rachadh na bha e ’g iarruidh a dheonachadh dha. Ach air dha bhi ’n sin re tamuill, bha e glacadh an tuille misnich, ’s a fàs ni bu shuilbhearradh; oir tha mo Thighearn anabarrach tiom-chridheach riusan air am bi eagal; uime sin ghabh e gach doigh chum am barrachd misnich a thoirt da. An uair a fhuair e sealladh air iongantais an àite, ’s a bha e deas fa chomhair a thuruis, thug mo Thriath dha, mar thug e do Chriosduidh roimhe, searrag dhibhe, agus nithe càimheil [TD 223] r’ a itheadh. An sin dh’ fhalbh sinn, agus bha mis air thoiseach; cha deanadh e ach beag cainnte, ach bha e gu tric a’ trom osnaich. An uair a thainig sinn far an robh ’n triuir an crochadh, thuirt e gun robh eagal air gum b’e sin bu deire dhasan fhathast: Ach bha aiteas air an uair a chunnaic e’n crann-ceusaidh agus an uaigh; mhiannaich e seasamh car seal a dh’ amharc orra sin; agus air leam gun d-thug sin caileigin de thogail air inntinn. An uair a thainig e chum Bruthach na h-eigin, cha do chuir e air; cha mhò bha mòr ghiorag air roi na leomhainn: cha ’n ann roi ’n leithide sin a bha eagal air; ach ’s e bu chionfath ga eagal, gun robh sgàth air nach gabht’ a steach e do’n bhaile nèamhuidh. Fhuair mi steach do’n tigh Mhaiseach e m’an robh e ro dheonach; agus an uair a bha e ann, rinn mi suas eolas eadar e fein agus na h-òighean a bh’ ann, ach bu nàr leis e fein a dheanamh aithnicht’ ann an cuideachd. Bha e toigheach air bhi na aonar, ach bha e do gnàth déigheil air cainnt mhath a chluintinn; agus ’s minig a rachadh e air cùl na còmhladh a dh’ éisdeachd ris: Bha e mar an ceudna spéiseil air nithibh sean-aimsireil fhaicinn, agus a bhi meoraich orra na inntinn leis fein. Dh’ innis e dhomh gum bu toigh leis a bhi san da thigh san robh e ma dheireadh, se sin, aig a gheata agus aig tigh an Fhir-theagaisg, ach cha leigeadh aodann leis iarruidh fuireach ni b’fhaide. An uair a dh’ fhalbh e o’n tigh Mhaiseach, ’s a theann e ri tearnadh a bhruthaich, do Ghleann na h-Irisleachd, cha’n fhaca mi duine riamh a b’fhearr a chaidh ann; oir cha robh sgoinn aige co dìblidh sa bhitheadh e, nam bitheadh e ach sonadh air a cheann ma dheire. Shaoileadh tu gun robh caileigin de cho’-mhothachadh eadar e fein agus an gleann sin; oir cha’n fhaca mi co sunndach e ’sa bha e ann fad a chuairt. An so dheanadh e a shìneadh, agus phògadh e na blàithean agus an luibh a bha fàs sa ghleann so. Tuir. iii. 57, 28, 29. Dh’ éireadh e gach là mu bhrise na fàire, agus dh’ imicheadh e sios agus suas air feadh a ghlinne. Ach an uair a bha sinn gu inndrinn a stigh do Ghleann sgàil a Bhàis, shaoil mi gu ’n caillinn [TD 224] gu tur e; cha ’n e gun robh déigh sam bith aige gu pilleadh, oir b’ fhuathach leis sin, ach bha e gu bhi marbh leis an eagal. O! beiridh na h-ùrraisgean orm, theireadh e; agus cha chreideadh e nach tachradh sin. Rinn e do dh’ othail agus do ghleadhraich san àite, ’s nan cluinneadh iad e, gum bu leoir e a thoirt orra teachd agus ionnsuidh a thoirt oirn. Ach ghabh mi beachd sònruicht air a so, nach faca mi riamh an gleann sin co sàmhach uaigneach sa bha e san àm sin roimh no na dhiaigh. Tha mi smaoineacha gun do chuir ar Thighearna smachd sònruicht, air na h-eascairdibh ud iad a bhi ciùin gus an rachadh Eagallach seachad orra. Thàirneadh e mòran uine labhairt mu gach cùis; cha’n ainmich mi uime sin, ach ni no dha eile. An uair a thainig e chum féill an diomhanais, shaoil mi gun deanadh e caonnag ris gach fear a bh’ air an fhéill: bha eagal orm gun rachadh ar pronnadh le chéile, leis co dian sa bha e an aghaidh am faoineachd. Dh’ fhuirich e saor o chodal air fearann na drùigheachd. Ach an uair a thainig e chum na h-abhunn, a bha gun drochaid, bha e ann an cor ro mhuladach: A nis thuirt e, gun rachadh a bhàthadh gun ag, agus nach faiceadh e am feasd ann an sòlas a ghnùis sin a thainig e co fad a dh’ fhaicinn. Thug mi ’n aire do ni eile san àite so; cha’n fhaca mi riamh an abhuinn ni bu lugha na bha i san àm so; mar sin chaidh e thairis gun an t- uisg a theachd ach beag th’ ar beul na bróige dha. An uair a bha e dìreadh chum a gheataidh, ’sa bhà mi gum’ chead a ghabhail deth, agus a ghuidhe dha gu’n gabhta gu cridheil ris gu h-àrd, thuirt e, tachraidh sin, tachraidh sin. An sin dhealaich sinn, agus cha’n fhaca mis e tuille ni ’s mò. Ion. ’S coltach ma ta gun robh e gu math ma dheire. Mis. Bha e, cha robh teagamh agam riamh uime; bha roghadh inntinn aige, ach bha e air a chumail fodha gu goirt, ionnas gun robh a bheatha na trom dha fein, agus neo-thaitneach do chàch. Salm lxxx. Roimh. xiv. 21. 1 Cor. viii. 13. Bha e th’ar mhòran dubhach arson a pheacaidh; bha na h-urrad eagail air roi dhochair a dhean- [TD 225] amh do chàch, ’s gur tric a dhiùlt e an ni a bha ceadaichte dha a ghabhail, air eagal oilbheum a thoirt do dhaoin’ eile. Ion. Ach ciod bu chionfath gun robh fear co math ris air a chumail co mor an dorchadas. Mis. Tha da ghnè aobhair air a shon; ’se aon diubh, gur h-àill le Dia a chùis a bhi mar sin; ’s eigin do chuid pìobaireachd a dheanamh, agus cuid bròn. Mat. xi. 16, 17, 18. A nis ’s e ’m beus bu cheol do dh’ Eagallach: bha e fein agus a chombanaich a’ seinn cumhadh. Ach air mo shon fein cha’n ’eil meas agam air aidmheil nach tàrmuich ann an trumadas inntinn. An uair a bhios am feur ciùil a’ dol a ghleusadh an inneil chiùil ’s e teud a bheus air an d-thoir e cheud sgrìob; ’sann air an teud so a chluicheas Dia an uair is deonach leis anam a chuir ann am fonn iomchuidh dha fein. Ach b’e mi-shealbh Eagallaich, cha b’ aithne dha ach cumhadh a chluicheadh, gus robh e dlù air a chrìch. Tha mi mar so a’ labhuirt fo shamhladh, chum tuigse na h-òigridh a mheudachadh, agus a chionn gu bheil a mhuinntir shaoirte air an coimeas ri luchd-ciuil, a tha seinn le’n trompaidibh agus le’n clàrsaichibh, agus a’ gabhail òrain an làthair na righ-chaithreach. Foill. xiv. 2, 3. Ion. Bu duine ro eudmhor e, mar a dh’ fhaodar a thuigsinn leis na dh’ innis thu uime; cha robh spairn, leomhainn, no féill an dìomhainis idir nan aobhar eagail dha; ’s e amhain am peacadh, bàs agus ifrinn a bha cuir uamhuinn air, a chionn nach robh dearbh chinnt air a thoirt da mu chòir air an dùthaich nèamhuidh. Mis. Tha thu ro cheart; ’s iad sin na nithe a bha cur iomagain air; agus ’s ann, mar thug thu fainear, a dh’ éirich iad sin o laigsinn inntinn mun timchioll, cha ’n ann o chion tograidh mu earrainn ghniomhaich beatha a chriosduidh. Cha robh sgàth air roi’ chunnart sam bith a thigeadh ’na rathad. Ach cha’n ’eil e furasda do dhuine sam bith na nithe a bha ’nan leth-trom air-san a chuir air cùl. Bana. Is math dhomhsa gu’n cuala mi eachdruidh an duine so Eagallach: Shaoil mi nach robh aon neach mar [TD 226] bha mi fein: ach tha mi faicinn gu bheil càileigin de shamhladh eadar an duine math ud agus mise, leis an eadar-dhealachadh so; gun robh a chruaidh-chais-san co buaireasach ’s nach b’ urrainn da an cleth, ach bha na bhuin riumsa a’ gabhail cleth; bha iomaguinse co mòr, ’s nach dùraigeadh e bualadh aig na tighean a bha chum aoigheachd a thoirt da; ach bha m’ iomaguinse a’ toirt orm buala leis a bharrachd neart. Tròc. Tha càileigin de shamhladh aig a ghnè riumsa mar an ceudna; oir bha do ghna tuille eagail orm roi ifrinn, agus mu m’ ionad a chall ann an phàrras, na bh’ orm roi’ challdach sam bith eile. Air leam nam faighinn còir air flaitheas, gun robh mi caoin shuarrach ged a chaillinn gach ni saoghalta ris. An sin thuirt Mata, Bha eagal a’ toirt orm a bhi fa iomaguin gun robh ni-eigin a dh’ easbhuidh orm a bha feumail chum mo shaoraidh; ach ma bha e mar sin le duine co math ris-san, c’ar son nach faod e tachairt gu math dhomhsa mar an ceudna? Seum. Far nach ’eil eagal, cha’n ’eil gràs, ge nach ’eil gràs do ghnà far a bheil eagal ifrinn, gidheadh ’s cinnteach nach ’eil gràs far nach ’eil eagal De. Mis. Is math do labhairt a Sheumais; oir ’se eagal De tùs a ghliocais; agus ’s coltach dhoibhsan aig nach ’eil an toiseach, nach bi aon chuid meadhon no deireadh aca. Ach cuiridh sinn an so crioch air eachdruidh Eagallaich, agus gabhuidh sinn an so ar cead deth. ’Dheagh Eagallaich, an robh ort sgàth, Roi ni an aghaidh Dhe? Bha, a’s b’ fhuathach leat gach ni A bheireadh spìd dhuit fein. Bu bheag ort ifrinn, dhuit mar dhuais, Bha t-fhuath air labhairt bhreug; Is iadsan air am beag do ghnà Cha chaomh leo aca fàbhar Dhe. Anis chunnaic mi gun do lean iad air seanachas: oir an déigh do Mhisneachail sgur a labhairt mu Eagallach, thoisich Ionraic ri labhairt mu aon d’am b’ ainm Fein-thoil. Bha e gabhail air fein a bhi air chuairt; ach tha [TD 227] mi smaoineacha nach d-thainig e riamh a-stigh air a gheata tha aig toiseach na slighe so. Mis. An do labhair thu riamh ris uime? Ion. Labhair iomad uair; ach bhiodh e do ghnà cosmhuil ris fein, Fein-thoileil. Cha robh umhail aige mu dhuine, mu cho’riasunachadh, no mu eisimpleir; dheanadh e na bhrosnuicheadh inntinn e gu chuir an gniomh, agus sin a dh’ aindeoin na dh’ fhaoidt a ràdh ris. Mis. Ciod a bharail a bh’ aige mu dhiadhachd? oir si mo bharail gur aithne dhuitse sin. Ion. Bha e ’m barail gum faodadh duine mi-bheus an oilthirich a chuir an gniomh co math r’a dheagh-bheus: agus nan deanadh e an da chuid nach b’ eagal nach biodh e tearuinte. Mis. Nan abradh e, theagamh gum biodh na daoin’ a b’ fhearr, an aghaidh an toile, ciontach de dhubhailc, co math agus co’-roinn a bhi aca de shubhailc an luchd-turuis, cha ’n fhaoidte mòr choire fhaotainn da; oir cha ’n ’eil sinn saor o chionta sam bith gu h-iomlan, ach air chumhnant gun dean sinn faire agus strìgh. Ach tha mi tuigsinn nach e so an ni a tha e-san a cialluchadh; ach ma tha mise ged lan-thuigsinn, gun robh e-san sa bharail, gun robh e ceadaichte sin a dheanamh. Ion. ’S e sin a cheart ni a th’ air m’aire; agus is amhuil sin a chreid agus a ghnàthaich e. Mis. Ach ciod an stéigh a bh’aige gu sin a ràdh? Ion. Bha e ’g ràdh gun robh ’n sgriobtuir aige mar bharandas. Mis. M’as e do thoil e, ainmich dhuinn cuid diubh. Ion. Ni mise sin. Bha e ’g ràdh gun robh bhi luidhe le mnathan dhaoin’ eile air a ghnàthachadh le Daibhidh, aon ghràdhach Dhe; agus uime sin gum faodadh e-san a dheanamh. Thuirt e gun robh tuille ’s aon bhean a bhi aig duine air a ghnàthachadh le Solamh; agus gum faodadh e-san sin a dheanamh cuideachd. Thuirt e gun d’ rinn Sarah, agus na mnài-ghlùine dhiadhaidh a bha san Eiphit breug, agus Rahab cuideachd; uime sin gum faodadh e-san a leithid eile dheanamh. Thuirt e gun deachaidh na deisgiobuil air iartus am Maighstir, agus gun d-thug iad air falbh asail an duin’ eile; agus gum faodadh e-san [TD 228] an ni ceudna a dheanamh. Thuirt e gur ann le ceilg agus mealltoireachd a fhuair Iacob an oighreachd o athair; agus gum faodadh e-san an ni ceudn’ a dheanamh. Mis. Bu ghràineil am beachd a bh’aige! ach an robh thu cinnteach gum bi so a bharail? Ion. Chuala mi e gan tagradh, a’ toirt dearbhadh umpa o’n sgriobtuir, agus a’ gabhail an leith-sgeil, &c. Mis. Is barail i nach bu chòir a bhi aig aon neach sa bheatha so. Ion. ’S fheudar dhuit mo thuigsinn ceart: Cha dubhairt e gu’m faodadh duine sam bith na nithe sin a dheanamh; ach gum faodadh iadsan aig an robh subhailcean nan daoin a rinn na nithe sin, an deanamh mar an ceudna. Mis. Ach ciod a bharail bu mheallta no i sin? Oir se sin na h-urrad agus a ràdh, A chionn gun do pheacaich daoine math roimhe so tre laigsinn, gun robh aige-san comas air a dheanamh tre ann-dànadas; no, a chionn gun tuit leanamh le oiteag ghaoithe, no gum faigh e tuisle le cloich, agus gun dean e a shalachadh leis an leagadh, gum faod e-san le làn-thoil a leige na h-shìneadh san eabar, agus e fein a luaithre ann. Co a mheasadh gum biodh aon neach air a dhalladh co mòr le cumhachd ana-miann! Ach ’s eigin gu bheil na tha sgriobhta fior; fhuair iad tuisle air an fhocal, air dhoibh bhi easumhal, chum mar an ceudna an d’ òrduicheadh iad. 1 Pead. ii. 8. Tha e bhi sa bharail gum faod subhailc nan deagh dhaoine, bhi acasan a tha gnàthaichte ri ’n dubhailcibh a chuir an gniomh, mar an ceudna na mhearachd co mòr ris a mhearachd eile. Tha sin dìreach mar gun abradh am mada, faodaidh mise buaidhean an leinimh a bhi agam, a chionn gu bheil mi ’g imlich suas a shalachair. Cha ’n ’eil neach a dh’ itheadh suas peacaidh sluaigh Dhe, Hos. iv. 8. na chomharradh gu bheil an deagh-bheus aige. Cha mhò is urrainn domh a chreidsinn, gum faod neach a tha sa bharail so aon chuid creidimh no gràdh a bhi aig’ am feadh a bhuanaicheas e sa bharail sin. Ciod a th’ aige r’a ràdh air a shon fein? Ion. Tha e ’g ràdh gur mòr is fearr deanamh mar sin a thaobh baralachadh, no a dheanamh, agus a bhi na atharrach a bharail. [TD 229] Min. Is olc am freagradh sin, oir ged a tha srian a leige le’r n-ana-miannaibh, an aghaidh ar baraluch, olc; gidheadh tha sinn a chur peacaidh an gniomh, agus a thagradh gu bheil comas againn sin a dheanamh, ni ’s measa: tha ’n darna gniomh a’ brosnucha dhaoin eile gun fhios d’a ionnsuidh; ach tha ’n gniomh eile gan treoruchadh chum an an riobaidh. Ion. Tha ioma fear ann am barail an duine so, nach ’eil ga aideachadh; agus ’s e sin is cionfath gu bheil co beag meas air oilthireachd ’s a th’ann. Mis. Is fior sin, agus is aobhar bhròin e; ach thig e-san air am bi eagal Dé asd’ uile. Bana. Tha ioma barail iongantach feadh an t-saoghail. B’ aithne dhomhsa fear a thuirt, Gum bu leoir aithreachas a ghabhail ’n uair a bhitheamaid gus am bàs fhaghail. Mis. Cha ’n ’eil an samhuil sin tuille’s glic: Bhiodh an duine sin, nam biodh aige seachdain a dheanamh fichead mìle, ullamh gu dàil a chuir ann gus an uair mu dheire de ’n t-seachduin. Ion. Is fior sin; ’s gidheadh tha’n àireamh is pailte de luchd-turuis, a’ deanamh mar so. Tha mise, mar a chi sibh, am sheann duine, agus bha mi ’gabhail an rathaid so o cheann ioma bliadhna; agus is iomad ni a chunnaic mi. Chunnaic mi cuid a’ tòiseacha le deothas mòr, a chaidh eug an ùine ghearr, mar chaidh clann Israel san fhàsach, gun tìr a gheallaidh fhaicinn. Chunnaic mi daoine air nach robh meas sam bith ’nan ceud dhol a mach, a dhearbh a rithist iad fein nan creidich threibh-dhìreach. Chunnaic mi cuid a ruidh air an aghaidh le dian dheothas an toiseach, a ruidh an ùine bheag ceart co dian air an ais a rìs. Chunnaic mi cuid a labhair gu ro mhath mu chaithe-beatha fir-chuairt (a chriosduidh) an toiseach, a labhair a cheart urrad na aghaidh an ùine ghearr. Chuala mi cuid, an uair a theann iad air tùs r’an turus chum phàrrais, ag ràdh gun ag gun robh a leithid sin de dh’ ionad ann; ’s an uair a bha iad dlù air a ruigheachd, a phìll a rìs air an ais, ’s a thuirt nach robh e idir ann. Chuala mi cuid a’ maoitheadh an treubhantas a dhean- [TD 230] adh iad nan cuirte nan aghaidh, a chuir cùl r’an creidimh agus ri slighe fir-chuairt, le bagradh neo-stéigheil. An uair a bha iad mar so a’ triall air an aghaidh thainig fear na ruidh nan cò’-dhail, agus thuirt e riu, ma bu mhath leo am beatha a chaomhnadh iad a dheanamh dhoibh fein, gu h-àraidh iadsan bu laige, a chionn gun robh an luchd-reubainn gu ionnsuidh a thoirt oirre. An sin thuirt Misneachail, ’s iad an triuir dhaoin a bhuin co an-iochdmhor ri Beag-creidimh roimhe so a bh’ ann. Tha sinne deas gu cò’-dhail a thoirt doibh, thuirt e; agus mar sin chaidh iad air an aghaidh; Ach bha fiuthair aca air gach bearradh gun tachradh iad oirre; ach cha do thachair; co dhiubh is ann a chual iad gun robh Misgeachail leo, no thachair luchd turuis eile orra, cha b’fhios doibh. An sin bha ro dhéigh aig a Bhana-Chriosduidh air teachd chum tigh-òsd, oir bha i fein agus a clann sgìth. An sin thuirt Ionraic, Tha aon beagan romhainn, far a’ bheil fear d’an ainm Gaius, deisciobuil ro ionmhuinn, a chòmhnuidh: Agus dh’ aontaich iad uile dol d’a ionnsuidh. Roimh. xvi. 23. gu h-àraidh arson gun d-thug Ionraic cliu co math air. ’S an uair a thainig iad an dorus, chaidh iad a steach, gun bhualadh; a chionn nach gnàth le daoine bualadh aig dorus tighe-òsda. Rinn iad guth air fear an tighe, ’s an uair a thainig e d’ an ionnsuidh, dh’ fheòraich iad am faigheadh iad ceireannan aige car na h-oidhche sin? Gaius. Gheibh, m’as daoine firinneach sibh, oir cha’n e beatha aon neach agams ach oilthirich. Chuir so aiteas air a Bhana-chriosduidh, air Tròcair, agus air a chloinn, a chionn gun robh ’n t-òsd-fhear toigheach mu luchd-cuairt. Dh’ iarr iad sin gun leigte seomaraichean fhaicinn doibh, agus chaidh sin a dheanamh, aon do’n Bhana-chriosduidh, ga cloinn, agus do Thròcair, agus aon eile do Mhisneachail agus do dh’ Ionraic. Mis. A dheagh Ghaius, Ciod an t-suipeir a bheir thu dhuinne? oir tha an luchd-turuis so gu fann sgìth. Gaius. Tha e nis anmoch, ’s cha’n fhaigh sinn dol a mach a dh’ iarruidh lòin; ach ’s e ur beatha chum na tha againn, ma thaitneas e ruibh. [TD 231] Mis. Bithidh sinne toilichte leis na tha agad a steach; oir tha mis eolach ort, ’s cha’n fhaca mi riamh thu gun ghoireas iomchuidh agad. An sin theirinn e agus thuirt e ris a chòcaire, suipeir a dheasachadh fa chomhair na h-urrad so de luchd-turuis. Thainig e rìs d’an ionnsuidh, ag ràdh, ’S e ur beatha agams’ a dheagh chàirde, agus ’s toilichte mi gu bheil tigh agam a thoirt aoigheachd dhuibh; ’s am feadh a bhios an t-suipeir ga deasachadh, m’as toil leibh e, deanamaid aithris mu naigheachd feumail eigin: Tha sinne deonach, thuirt iadsan. An sin thuirt Gaius, Cò d’am bean an seana bhoirionnach so? agus cò d’an nighean an ainnir òg so? Mis. ’S i a bhean so a bhean a bh’ aig Criosduidh, fear-turuis a bh’ ann roimhe so, agus is iad sin a chearthar chloinne. ’S i n nighean so aon d’a luchd-eòlais, air an do chuir i impidh gu falbh leatha air a turus. Tha chlann uile toigheach dol an diaigh an athar, agus triall na chois-cheumaibh: seadh, ma chi iad urrad agus àite san robh e, no idir lorg a choise, bheir e toil-inntinn doibh. An sin thuirt Gaius, An i so bean Chriosduidh? agus an iad sin a chlann? B’ aithne dhomh athair agus sean-athair t-fhir. Is iomadh fear math a bha ga sheorsa; bha’n sinnsir air tùs a thamh ann an Antioch. Bha’n dream o’n d-thainig Criosduidh nan daoine foghainteach. Dhearbh iad th’air chach bhi nan daoine treuna misneachail, an aobhar Triath nan oilthireach, a shlighibh, agus iadsan aig an robh gràdh dhoibh. Chuala mi iomradh mu chàirdean t-fhir, a fhuair an deuchainn arson na firinn. Chaidh Stephen, a cheud fhear dhiubh a dh’fhuiling, a chlocha gu bàs. Gniomh. vii. 59, 60. Chaidh Seumas, aon eile de’n àl so, a chuir gu bàs le faobhar a chlaidheamh. Gun a bheag a ràdh mu Phòl no mu Pheadar, chaidh Ignàtius a thïlge chum nan leomhann; chaidh Romanus a reubadh as a chéile; agus chaidh Policarp a losgadh le teine. Bha fear dhiubh a chaidh a crochadh ann an cliabh, ri aghaidh na gréine, chum gun itheadh na connsbeachann e; chaidh fear eile dhiubh a chuir ann am pochda, agus a thilge san fhairge chum a bhàthadh. B’ ea-comasach an àireamh, na dh’fhuiling de’n teaghlach sin [TD 232] as leth na còrach. Tha gàirdeachas orm fhaicinn gun d’ fhàg t-fhear cearthar mhac mar sin na dhéigh. Tha dòchas agam gun lean iad a ghnà, agus gun dean iad ga réir. Mis. Tha chlann fior thaitneach; tha iad le deothas a’ leantuinn nòs an athar. Gaius. ’S e sin air leam, air an aobhar sin tha sheol air teaghlach a Chriosduidh sgaoileadh air feadh an domhain, agus fàs lionmhor air aghaidh na talmhainn. Uime sin sealladh a Bhana-chriosduidh a mach arson òighean freagarrach, a bhios nam mnài aig a cuid mac, chum nach di-chuimhnichear ainm an athar, agus tigh an sìnnsireachd. Ion. Bu mhòr am beud gun rachadh a theaghlach as. Gaius. Cha’n fhaod e dol as, ach faodar a chuir an lughad; ach gabhadh a Bhana-chriosduidh mo chomhairlese, agus ’se e sin an t-aon doigh air a chumail suas. Agus a Bhana-chriosduidh, deir an t-Osdair so, tha mi toilichte gu bheil thu fein agus Tròcair co caidreach mu chéile. Agus nan gabhta mo chomhairl-sa bheire tu Tròcair gu bhi ni’s daimheile dhuit: Ma bhios i deonach air, bu chòir a toirt do Mhata mar mhnaoi: ’se sin an doigh air sliochd a choimhead air thalamh. Uime sin shocraicheadh air a chùis, agus an cean ùine bheag phòs iad: Ach cluinnear tuille mu so an déigh so. Thuirt Gaius, labhruidh mi tuille an leith-sgeul nam ban chum am mi-chliu a thoirt air falbh. Oir leis mar thainig malluchadh agus bàs a steach do’n t-saoghal le boirionnach, Gein. iii. ’s amhuil a thainig beatha agus slainte. Chuir Dia aon Mhac uaithe a rinneadh le mnaoi, Gal. iv. ’S a leige ris co mòr ’sa bha fuath aig boirionnaich eile do ghiomh ar ceud-sinnsir, bha iad an ro-gheall air cloinn a bhi aca, chum gum faodadh an té ud no an té ud eile a bhi na màthair do Shlanui’fhear an t-sàoghail. A bharr, their mi an uair a thainig an Slanuigh’ear, gun d’-rinn mnài gairdeachas ris, mu’n d’rinn daoine no aingil e, Luc. ii. viii. 2, 3. vii. 37—50. Eoin. xi. 2. Luc. xxiii. 27. Mat. xxvii. 55. 56, 61. Luc. xxiv. 22, 23. Cha do leugh mi gun do bhuilich daoin a bheag air Criosd, ach lean mnài e, agus rinn iad frithealadh dha le ’m maoin. Bu bhoirionnach a dh’ ionnlaid a chosan le [TD 233] deuraibh, agus bu bhoirionnach a dh’ ùng a chorp chum adhlacaidh. Bu bhoirionnaich a bha caoine ’n uair a bha e dol chum a chroinn-cheusaidh, ’s a shuidh aig uaigh an uair a dh’ adhlaiceadh e. Bu bhoirionnaich a bha maille ris air tùs air maduinn na h-aiseirigh; agus a thug fios d’a dheisgiobuil gun d’ èirich e o na marbhaibh. Tha uime sin meas mor air na mnài, agus tha e soilleir o na nithibh sin, gu bheil iad nan luchd co’-pairt maille ruinne ann an gràs na beatha. A nis thainig an còchdair a dh’ innse gun robh ’n t-suipeir deas, ’s an sin fhuair neach òrdugh am bòrd uimeachadh. An sin thuirt Mata, tha ’n sealladh so mu’n t-suipeir a’ meudachadh mo chìocrais. Gaius. Gu ma shamhuil sin a ni gach teagasg a fhrithealar dhuit, do chìocrais a mheudachadh chum suidhe sios gu suipeir an Righ mhòir ’na rioghachd: oir cha’n ’eil gach searmonachadh, gach leabhar, agus òrdugh ann an so, ach mar an t-ullachadh a tha ’n so, an coimeas ris a chuirm a dh’ ullaicheas ar Triath dhuinne an uair a thig sinn chum a thighe. Mar sin thainig an t-suipeir, agus chaidh an t-uchd-luaisgte agus an slinnein togta a chuir air tùs air a bhòrd air am beulaobh, a nochda gum b’ eigin doibh tionnsgnadh air le ùrnuigh agus moladh do Dhia. ’S ann leis an t-slinnein thogta a thog Daibhidh suas a chridhe ri Dia; agus ’sann air an uchd-luaisgte, far an robh a chridhe na luidhe, ab’ àbhuist da a thaic a leagadh air a chlàrsaich, an uair a bhiodh e a’ cluicheadh. Bha, da sheorsa sin ro mhath, agus dh’ ith iad uile gu cridheil diubh. Lebh. vii. 32, 33, 34. x. 14, 15. Salm. xxv. 1. Eabh. xiii. 15. Deut. xxxii. 15. Breith. ix. 13. Eoin. xv. 5. B’e ’n t’ ath-ni a thugadh a làthair, searrag de dh’ fhìon co craobhach dhearg ri fuil. Thuirt fear an tighe riu iad a dh’ ol gu saor dheth; gum b’e sin fior thoradh na fìonain, a dh’ fhàgadh cridhe Dhe agus dhaoine subhach. Uime sin dh’ òl iad agus bha iad cridheil. B’e ’n t-ath-chuireadh a fhuair iad bainne air a dheagh uimeachadh; ach thuirt Gaius, thugar sin do’n chloinn chum gum fàs iad leis. 1 Pead. ii. 1, 2. [TD 234] An sin fhuair iad ìm agus mil. Thuirt Gaius riu, iad a dh’ itheadh gu pailt deth sin; oir tha e math a neartuchadh ur céill agus ur tuigse. B’e so bu lòn d’ar Tighearn an uair a bha e na leanamh: ìm agus mil ithidh e chum gur aithne dha an t-olc a dhiultadh, agus roghain a dheanamh de’n mhath. Isa. vii. 15. An sin thug iad d’an ionnsuidh mias ubhall, a bha fallain agus blasda. An sin thuirt Mata, Am faod sinn ùbhlan itheadh, a chionn gur ann leo a bhuair an nathair ar ceud mhàthair? An sin thuirt Gaius. Le ùbhlan chaidh ur mealladh ’n tùs; Ach ’s peacaidh, is cha mheas A thruaill ar n-anmaibh, a’s a leon; A chionn gun d’ aom sin leis. Tha meas toirmisgte cronail duinn; Ach le cead tha e math. Oluibh a’s ithibh * ur teann-shàth: Sibhse tha tinn le ghràdh. An sin thuirt Mata, tha teagamh agam nan itheadh, a’ chionn gun d-fhàg meas itheadh tinn mi o cheann ghoirid. Gaius. Fàgaidh meas toirmisgte tinn thu, ach cha’n fhàg an ni a cheaduich ar Tighearna. Am feadh a bha iad mar so a labhairt, thainig mias eile d’an ionnsuidh, air an robh cnuthan. Dàn. vi. 11. An sin thuirt cuid a bh’ aig a bhòrd gum milleadh cnuthan fiaclan lag, gu h-àraidh fiaclan cloinne: d’ an d-thug Gaius mar fhreagradh: Tha teagasg dorcha dhuinn mar chnù, ’S a h-eatain oirn an cleth; Ach bris am plaosg, is gheibh thu’m biadh ’S cha cheilear aon ni math. Bha iad an sin ro-shubhach, agus bhuanaich iad fada nan suidh aig a bhòrd, a’ cainnt mu ioma ni. An sin thuirt sean Ionraic, ris an Osd-fhear, m’as e do thoil e, am feadh a bhios sinn a’ brise nan cnù, nochd dhuinn brìgh an toiseagain so. TOISEACHAN. Bha fear ann, a’s mheas iad e gun chiall, Mar bu mhò a sgaoil e, bu mhò a bh’aig a bhiadh. * An eagluis. [TD 235] Bha iad uile nan tosd, fo ioghnadh ciod am freagradh a a bheireadh deagh Ghaius air; ach smuaintich e ré tamuill, agus thuirt e, Am fear a’ riaraicheas a chuid le h-iochd do’n bhochd, Bithidh aig am barrachd; de ni gu mòr is fearr an toirt. An sin thuirt Ioseph, Shaoil mi nach faigheadh tu mach e. O ho! arsa Gaius, is fad o tha mi eolach air an dòigh so. ’Se fein-fhiosrachadh oid-ionnsuich is fearr; dh’fhoghlum mi o m’ Thighearn, a bhi gu fialuidh, daonnachdail, agus mhothaich mi mo bhuannachd ris. Tha neach ann a chumas tuille ’s a chòir, ach thig e gu bochduinn. Tha neach ann a leigeas air a bhi beartach, agus gun ni air bith aige; tha neach ann a ghabhas air a bhi bochd, agus mòr shaibhreas aige. Gnath. xi. 24. xiii. 7. An sin rinn Somhairle cagar r’a mhàthair, agus thuirt e rithe, is tigh duine mhath so, fanamuid ré tamuill ann, agus pòsadh Mata mo bhràthair, Tròcair m’an d-théid sinn ni’s faide. Ach thug Gaius an aire dha, agus thuirt e, Bithidh mi ro dheonach sin a thachairt. Uime sin ghabh iad còmhnuidh ann còrr agus mìos, agus thugadh Tròcair do Mhata mar mhnaoi. ’S am feadh a bha iad san àite sin, bha Tròcair mar bu ghnà leatha, a’ deanamh dheiseachan do na feumaich, leis an do tharruing i deagh chliu air an luchd-cuairt. Ach a phille ri m’sgeul, an déigh na suipearach, dh’ iarr na gillean leabadh, a chionn gun robh iad sgìth le ’n turus. An sin thug Gaius àithne gun rachadh an seomar fheuchainn doibh; ach thuirt Tròcair gum faiceadh ise luidhe iad. Mar so chuir i luidhe iad, agus choidil iad gu socair; ach shuidh càch re na h-oidhche; oir bha Gaius agus iad fein co toigheach mu chuideachd a chéile, ’s nach dùraigeadh iad dealachadh. Ach an diaigh dhoibh a bhi fad a’ cainnt mu’n Tighearna, umpa fein, agus mu’n turus, thòisich sean Ionraic ri turra-chodal. An sin thuirt Misneachail, am bheil thu fàs neo-shunndach; mosgail suas; so toiseagan duit. An sin a deir Ionraic, leigear dhuinn a chluintinn. Thuirt Misneachail, [TD 236] ’S eigin dhasan le ’m b’àill buaidh thoirt air neach eile, Buadhachadh air fein an tùs. Tha e gle dheacair thuirt Ionraic; duilich ri fhuagladh, agus ni ’s deacaire r’a ghnâthachadh. Ach mas toil leats e, fhir an tighe, leigeamsa leat fhuasgladh; agus cluinnidh mise ciod a their thu. Cha’n ann mar sin a bhitheas, thuirt Gaius, ’s an orts a chaidh a chur, le fiuthair gun d-thoir thu freagradh air. An sin a deir Ionraic. Airsan le’m b’âill buaidh thoirt air peacadh, ’S eigin gum buadhaich gràs air fein: ’S m’as âill leis impidh chuir air neach eile, Lan striochdta biodh a chainnt, ’sa bhéus. Tha e gu ro cheart, thuirt Gaius; tha deagh theagasg agus fein-fhiosrachadh a teagasg so. Oir, gus an nochd gràs e fein, agus gun toir e buaidh air an anam le ghlòir, cha bhi e ceannsgallach gu cuir an aghaidh a pheacaidh; osbarr m’as e am peacadh inneal glacaidh Shatain, leis a’ bheil e ceangal an anma, cionnas is urrainn da cuir na aghaidh, gus am fuasglar e o’n laigsinn sin? San dara h-àite, Cha mhò a chreideas aon neach aig a’ bheil eòlas air riasun, no gràs, gur urrainn a shamhuil sin de dhuine a bhi na bheo chuimhneachan air gràs, a tha na thràill d’a thruaill’eachd fein. ’S a nis o thainig e am aire, innsidh mi naigheachd dhuibh is fiu dhuibh a chluintinn. Bha dithis fhear ann a chaidh air oilthireachd; thòisich fear dhiubh ’n uair bha e óg, ’s am fear oile ’n uair bha e sean; bha aig an fhear òg tograidh laidir ri strìgh riu; bha iad a thaobh nàduir a’ fàs lag aig an t-seann duine; bha’m fear òg a’ caitheadh a bheatha co cothromach ris an t-sean fhear, agus bha e air gach doigh co taitneach ’s a bha ’m fear eile. Cò a nis aig am bu bheothaile gràs, o’n a bha iad a thaobh coslais co’-ionann? Ion. ’S einnteach gun robh aig an fhear òg; oir ’s e sin a chuireas an aghaidh nam buaireanna is treise, is cumhachdaiche; gu h-àraidh o’n a chumas e suas ris-san aig nach ’eil iad co leth bhuaireasach; mar thachair do’n aosmhor. [TD 237] Os barr, thug mi gu tric fainear, gun robh seann daoine sa mhearachd so, a’ gabhail laigse nàduir an riochd buaidh àghmhor air an truaill’eachd; agus gun robh iad gam mealladh fein. Gu deimhin ’s iad seann daoine a tha ann an staid nan gràs, is fearr gan urrainn comhairl’ a thoirt air an òigridh, a chionn gun do mhothaich iad fein faoineachd an t-saoghail so: ach ged a dh’fhalbhas fear sean agus òg le chéile air an turus, tha’n cothrom is fearr aig an fhear òg air a nochda gu bheil oibreacha gràis ni ’s cumhachdaich annsan, ged a robh truaill’eachd an t-sean fhir a thaobh nàduir ni ’s laige. Mar so shuidh iad a co’-chainnt gus an d-thainig a mhaduinn. ’S an uair a bha’n teaghlach air éiridh, thuirt a Bhana-chriosduidh r’a mac Seumas, gu’m b’ iomchuidh dha caibdeil a leughadh; agus leugh e liii. de Isaiah: ’S an uair a sguir e, thuirt Ionraic, c’arson a bha e air a ràdh, Gun d-thainig ar Slanuigh’ear a’ talamh tioram, agus nach robh sgéimh no maiseadh ann? Mis. Man cheud ni their mi, A chionn gun robh euglais nan Iudhach, o’n d-thainig Criosd, gu h-inbh bhig air call a brìgh agus sùgh a chreidimh. Tha mi ’g ràdh ris an dara ni, Gur ann a tha na focail air an labhairt le mi-chreidich, aig nach robh sùilean a chitheadh cridhe ar Cinn-fheadhna, uime sin thug iad breth air a thaobh a choslas dìblidh o’n leth a muigh. Cosmhuil riusan aig nach ’eil fios gu bheil clocha luachmhor air an còmhdachadh le sgrath neo-thaitnich; san uair a gheibh iad aon, a chionn nach ’eil iad a’ tuigsinn gur i h-ann, tilgidh iad air falbh i. Anis, thuirt Gaius, o’n a tha sibh an so, ’s o’n a tha fios agam gu bheil Misneachail gu teoma tapaidh, m’ as toil libh e, théid sinn a ghabhail sràide, agus theagamh gun éirich gnothach math leinn. Tha mu thimchioll uidhe mìle as an àite so famhair d’an ainm Marbh-am-math, a tha cuir mòr dhragh orrasan a tha ’g imeachd air rathad mòr an Righ; is aithne dhomhsa c’àit a bheil a chòmhnuidh; tha e na cheannard air buidheann mheirleach; agus bu shonadh nam faighte cuir as da. Dh’ aontaich iad leis, agur dh’fhalbh iad. Chaidh [TD 238] Misneachail na lan uidheam fo armaibh, agus thug càch leo sleadhan agus bataichean. ’S an uair a thainig iad chum an àite san robh e, fhuair iad e, agus greim aig air fear Inntinn-lag, a thug a luchd muinntir d’a ionnsuidh bharr na slighe: bha’m famhair ga rannsuchadh, chum ’n uair a bheireadh e uaithe na bh’ aige, gun itheadh e a rìs e; oir bu ghnà leis daoin itheadh. Co luath ’s a chunnaic am famhair Misneachail ’s a chuideachd aig beul na garaidh, le’n armaibh, dh’fheoraich e ciod a bh’ air an aire. Mis. Tha thus a dhi oirn: ’s ann a thainig sinn a dhìoladh a choilion fear de na h-oilthirich ’sa mharbh thusa, ’s a spìon thu leat le breth-air-eigin as an t-slighe; uime sin thig a mach. An sin dh’armaich e e fein, agus thàr e mach, agus thug iad an ionnsuidh gharbh sin air a chéile, gus an d’fhàs iad sgìth, ’s an sin ghabh iad fosadh. An sin thuirt am famhair a rìs, C’arson tha sibh air m’ fhearann-sa? Mis. A thoirt aicheamhail amach arson na dhoirt thu de dh’fhuil nan oilthireach, mar thuirt mi roimh riut; agus thionnsgain iad ris a rithist, a’s chuir am famhair Misneachail an comhair a chùil; ach chaidh e’n gradaig na ghleus, ionnas gun do shlachdanaich e ’m famhair co borb ghramail, ’s gun do thuit a chuid armachd as a laimh; ’s an sin chuir e as da, agus bhuin e ’n ceann deth, ni a ghiulain iad leo chum an tighe-òsda. Thug e leis mar an ceudna Inntinn-lag. An uair a thainig iad dachaidh, leig iad an ceann fhaicinn do’n teaghlach, agus chuir iad suas e air àite follaiseach, chum gu’n cuireadh e maoim orrasan a bheireadh oirp air a shamhuil cheudn’ a dheanamh. An sin dh’fheòraich iad de dh’ inntinn-lag, cionnas a ghlac am famhair e? Innt. Thuirt an duine bochd, nach robh ann-san ach duine euslainteach fann, ’s a chionn gun robh am bàs, mar bu trice, toirt ionnsuidh orm uair san latha, smaoinich mi nach bithinn am feasd gu math nam fuirinn aig an tigh; uime sin chuir mi romham beatha oilthirich a chaitheadh; agus dh’fhàg mi baile Neo-chinnteach, far am bu dùchasach dhomh bhith. Cha’n’eil annam ach duine truagh lag, [TD 239] an da chuid am phearsadh agus am inntinn, ach tha mi deonach, m’as urrainn domh, beatha fir-chuairt a chaitheadh. An uair a thainig mi ’n geata bh’ air toiseach na slighe so, ghabh Tighearn an àite sin rium gu càirdeil; cha mhò thug e meatha dhomh arson mi bhi co lag, no idir arson laigsinn m’inntinn; ach thug e dhomh na nithe bha feumail arson mo thuruis, agus dh’ iarr e orm mo dhòchas a chumail suas gu ceann na h-uidhe. An uair a thainig mi gu tigh an Fhir-theagaisg, fhuair mi mòr chaoimhneas ann; s’ a chionn gun do mheas e gum biodh Bruthach-na-h-eigin murrach orm chuir e fear d’a òglaich leam gum ghiulan. Bha an luchd-cuairt eile ro iochd’ar rium, ged a bha iad comasach air tuille asdair a dheanamh na bha mise, gidheadh mar bha iad a’ teachd air an aghaidh, bha iad ag earail orm misneach mhath a bhi agam; ag ràdh gum b’ i toil an Tighearna co’-fhurtachd a thabhairt do’n mhuinntir lag-chridhich. 1 Tes. v. 14. agus dh’fhalbhadh iad rompa. An uair a thainig mi gu h-rathad na h-Ionnsuidh, thachair am famhair so orm, agus thuirt e rium deanamh air mo shon fein; ach mo thruaighe! bu mhò ’m fheum air ìocshlainte: ’n uair a thuig e sin, rinn e greim orm: Smaoinich mi nach marbhadh e mi; ach an uair a fhuair e stigh ga gharaidh mi, o nach robh mi deonach fuireach ann, bi mo làn bharail nach leigeadh e e beo as mi. Oir chuala mi nach cuirear oilthireach sam bith gu bàs le laimh an nàmhuid, ma bhuanaicheas e seasmhach ga Thriath nèamhaidh. Bha sùil agam ri bhi creachta, agus creacht’ a tha mi, ach thàr mi as mar a chi sibh, le m’ bheatha, arson a’ bheil mi taingeil do m’ Righ ga chionn, agus dhuibhse mar am meadhon. Bha fiuthair agam ri ionnsuidh’ean eile, ach se so a chuir mi romham gun ruidhinn ’n uair a dh’fhaodain, an uair nach b’ urrainn domh, gum falbhainn air mo shochdair, ’s an uair nach b’ urrainn domh coiseachd, gum falbhainn air mo mhàgaibh. Is buidheach mi dhàsan a ghràdhaich agus a shaor mi: thog mi mo roghainn: tha mo shlighe romham; tha m’ aire th’ar an abhuinn air nach ’eil drochaid, ge nach ’eil annam ach truaghan lag-cridheadh. Ion. Nach robh thu roimhe so eolach air fear-cuairt d’am b’ ainm Eagallach? [TD 240] Lag. ’S mi a bha; thainig e o bhaile-gun-tùr, a tha mu thuath do bhaile Leir-sgrios, uidhe mhòr o’n àite san d’ rugadh mis; gidheadh bha sinn mion-eolach air a chéile; oir bu bhràthair athar dhomhs’ e: bha sinn le chéile goirid o’n aon ghnè; ’s gann a bha e-san co calma riumsa, ach air a shon sin, bha suaip againn r’a chéile. Ion. Tha mi tuigsinn gum b’ aithne dhuit e, agus ’s furasda leam a chreidsinn go bheil sibh càirdeach, a thaobh ur coslais r’a chéile. Lag. Bha iadsan gam b’aithne sinn le chéile ag ràdh sin; agus osbarr air a sin, cha’n’eil ni a chuala mi bhi annsan, nach do mhothaich mi annam fein cuideachd. An sin thuirt deagh Ghaius ris, biodh agad misneach mhath, ’s e do bheatha agamsa, agus do m’ thigh! agus iarr gu neo-sgàthach ni’s àill leat; agus bithidh mo sheirbhisich ùmhal duit. An sin fhreagair Inntinn-lag, Tha so na chomaine ris nach robh fiuthair agam, agus tha e mar bhaoisge gnéine a meadhon neoil dhorcha. An robh e’n rùn an fhamhair gun éireadh mar so dhomh, ’n uair a ghlac e mi, ’s nach leigeadh e leam dol ni b’ fhaide? An robh e na rùn, ’n uair a spùinn e mi, gun tiginn chum tighe Ghaiuis? Ach ’s amhuil a thachair e. Agus air do Ghaius agus do Inntinn-lag a bhi mar so a’ co’-chainnt r’a chéile, thainig aon na theann ruidh chum an doruis, a dh’innis gun deachaidh oilthireach d’ am b’ ainmm Tuadhal, a mhilleadh le peileir tairneanaich. Mo thruaighe ars Inntinn-lag an d’ éug e? Rug e ormsa seal m’an d-thainig mi ’n fheadh so, agus b’áill leis a bhi leam: bha e fòs maille rium an uair a ghlac am famhair mi, ach ’s easan bu luaithe na mise, agus theich e: ach ’s cosmhuil gur h-ann chum bàis a theich e, agus chum beatha a chaidh mis a ghlacadh. Mun àm so phòs Mata agus Tròcair; thug, mar an ceudna, Gaius a nighean Phebe do Sheumas bràthair Mhata, mar mhnaoi; agus dh’ fhuirich iad deich làithean eile aig tigh Ghaius, a’ buileachadh an ùine mar a b’ iomchuidh do luchd-cuairt. An uair a thainig an t-àm san robh iad ri triall, rinn Gaius cuirm dhoibh, aig an robh iad gu sunndach ait: [TD 241] agus dh’ fheoraich Misneachail ciod a bh’ aca r’a ìocadh; ach thuirt Gaius riu gum b’e’m beatha gu saor chum gach ni a fhuair iad. Gun robh e na ghnà aige-san aoigheachd a thoirt do dh’ oilthirich, ach gun robh e’n earbsa ri dìoladh fhaotainn o’n deagh Shamaritanach arson gach costas a bha e deanamh riu. Luc. x. 34, 35. An sin thuirt Misneachail ris. Mis. Fhir-mo chridhe, ’s dìleas, tairis a ni thu gach aon ni do na bràthraibh, agus do choigrich, a thug fianuis air t-fhiughantas do’n euglais; agus is ciatach dhuit an toirt air an aghaidh air an turus, air mhodh diadhaidh, is math a ni thu. 3 Eoin 6. An sin ghabh Gaius a chead diubh uile, agus ga chloinn, ach gu sònruichte de dh’ Inntinn-lag. Thug e fòs càileigin da a dh’ òladh e air an t-slighe. Ach b’àill le Inntinn-lag stad nan déigh, an uair a bha iad dìreach a’ dol a mach air an dorus, ni an uair a mhothaich Misneachail, thuirt e, thig air t-aghaidh Inntinn-lag, falbh leinn, agus bithidh mis am fhear-iuil duit, agus bithidh tu air ch’-dìol ruinn fein. Innt. Mo thruaighe! cha’n’eil combanach iomchuidh agam; tha sibhse gu luath laidir, ach tha mise gu lag, mall: is roghnaiche leam fuireach air deire, an t-eagal le m’ laigsinn gum bi mi am eire dhomh fein agus dhuibhse. Tha mi mar thuirt mi gu lag-chridheach fann, agus cuirear mìothlachd orm leis na nithibh nach cuir dragh air daoin’ eile, Cha chaomh leam gàireachdaich, cha toigh leam trusgan rìomhach; is fuath leam ceist neo-fheumail. Tha mi co ro lag ’s gur fuathach leam nithe a tha ceaduichte do dhaoin’ eile. Cha ’n aithne dhamh an fhìrinn uile: tha mi ro aineolach: Ma chluinneas mi aon neach a’deanamh gairdeachas annsan Tighearna, cuiridh e air uairibh duilichinn orm, a chionn nach urrainn domh fhein sin a dheanamh. Thachair dhomhsa mar thachair do dhuine lag am measg cheatharnach, no mar lochran fo thàir. Tha e-san a tha ullamh gu sleamhnachadh le chois, mar lòchran fo thàir ann an smuaintibh an ti a th’ aig fois, Iob. xii. 5. Ionnas nach aithne dhomh ciod a ni mi. Ach thuirt Misneachail ris, a bhràthair, tha òrdugh agamsa, sòlas a thoirt do’n lag, agus am fann a chumail [TD 242] suas. ’S eigin duit falbh leinne; ni sinn moille riut; ni sinn còmhnadh leat; cha ghnàthaich sinn, air do sgàth-sa, aon ni a chuireas doimheadas ort; cha tionnsgain sinn air labhairt mu aon chùis theagmhaich a’ d’ làthair; bithidh sinn gu h-iomlan ad reir, a roghainn air thu dh’ fhuireach ’nar déigh, 1 Tes. v. 15. Roimh. xiv, 1 Cor. viii. 9, 22. Salm xxxviii. 16. Bha iad fad na h-ùine so aig dorus Ghaiuis; agus air dhoibh a bhi an teas an seanachais, thainig Ullamh-gu-stad far an robh iad le dha luirg na laimh, agus bha e-san mar an ceudna a’ falbh air oilthireachd. Inn. Cionnas a thainig thus’ an fhad so? Bha mi ’n ceart uair a’ gearan nach robh combanach freagarrach agam, ach tha thus’ a reir ri m’ mhiann. Is e do bheatha Ullamh-gu-stad, tha dòchas agam gun dean sinn còmhnadh r’a chéile. Ullamh. Is math leam a bhi a’ d’ chuideachd, thuirt am fear eile: agus o’n a thachair sinn co fortanach air a chéile, is fearr leam aon de m’ chuid lorg a sheachnadh dhuit. Inn. Cha ghabh mi sin, ged a tha mi ’d chomain arson do thairgse; ach theagamh gu’n cuir mi air uairibh feum oirre a chumail uam nan con. Ullamh. Ma bhios mi fein no ma luirg air sheol sam bith feumail duit, ’s e do bheatha gur gnàthachadh mar is miann leat. Mar so chaidh iad air an aghaidh: Bha Misneachail agus Ionraic air thoiseach, bha Bhana-chriosduidh agus a clann nan déigh, agus bha Inntinn-lag agus Ullamh-gu-stad le chuid lorg air dheireadh. An sin thuirt Ionraic, Guidheam ort, a nis o’n a tha sinn air an t-slighe, innis duinn nithe feumail mu na h-oilthirich a bh’ air thoiseach oirn Mis. Is toileach a ni mi sin. Is barail leam gu’n cuala sibh mar thachair Apoluon air Criosduidh o shean, ann an gleann na h-irisleachd, agus mar an ceudna an deuchainn chruaidh a fhuair e dol troi ghleann sgàil a bhàis. Cha ’n’eil teagamh agam nach cuala sibh cuideachd an oirp a chaidh thoirt air Dìleas le Togarrach, leis a cheud [TD 243] Adhamh, le Neo-thoilichte, agus le Nàire: cearthar co foilleil shlaoiteill ’s a dh’ fhaodadh tachairt air duine fad na slighe. Ion. Air leam gu’n cuala mi an t-iomlan deth sin: Ach ’se Nàire bu deacaire dha dhiubh: bha e gu beag-nàrach, do-sgìtheachaidh. Mis. Bha e; oir mar thuirt Dìleas, chaidh an t-ainm docharach a thoirt air. Ion. Ach c’àit an do thachair Bruidhneach air Criosduidh agus air Dìleas? Bha e sin comharraichte mar an ceudna. Mis. Bha e na amadan muinghinneach, gidheadh tha mòran mar bha e-san. Ion. Cha mhòr nach do mheall e Dìleas. Mis.. Cha mhòr, ach chuir Criosduidh roimhe mar gheibheadh e mach e. Air an dòigh so dh’ imich iad gus an d-thainig iad far an do choinnich Soisgeulaich Criosduidh agus Dìleas, agus an d’ innis e dhoibh mar dh’ éireadh dhoibh aig Féill an diomhanais. An sin thuirt Misneachail, ’S ann an so a thachair e oirre. Ion. An ann gu dearbh? creididh mi gum bu chruaidh an sgeul a dh’ aithris e dhoibh. Mis. Bha e mar sin: ach thug e misneach dhoibh leis. Ach cha ruig sinn a leas labhairt umpa-san, ’s ni bh’ annta curai’nean calma, gun athadh gun sgàth. Nach cuimhne leibh co neo-maitheach ’s a sheas iad am fianuis a bhreitheamh? Ion. Is cuimhne. Dh’ fhuiling Dìleas gu ciatach. Mis. Dh’ fhuiling e; agus thainig mathas r’a linn; oir chaidh Ciatach agus muinntir eile iompachadh le bhàs. Ion. Guidheam ort abair romhad; oir tha thu ad rogha seanchaidh. Mis. Thug Cealgoir barr air gach neach a thachair air Criosduidh, an déigh dha Féill an diomhanais fhàgail Ion. Cealgoir; cò e sin? Mis. Duine carach, cealgach: fear a bhiodh diadhaidh a réir an t-saoghail; ach bha e co seolta ’s nach cailleadh e an àm sam bith air. Bha mùghadh aidmheil aige a cho’-fhreagradh do gach [TD 244] àm; agus bha a bhean co teoma ris fein. Chaochladh e a bharail a réir an àm; agus gheibheadh e leithsgeul a chionn sin a dheanamh. Ach co fad ’sa thàr m’ eolas, thainig droch chrioch air a chealgoireachd; cha mhò a chuala mi gun robh meas aig aon neach air an robh eagal De air a chloinn. Bha iad m’an àm so air teachd an sealladh baile an diomhanais, far an cumar féill an diomhanais. Ach an uair a chunnaic iad gun robh iad co dlù air a bhaile, chuir iad an comhairle r’a chéile, mar rachadh iad troimhe; thuirt cuid aon ni, agus thuirt cuid ni eile. Ma dheire thuirt Misneachail, ’s minig a bha mis’ am fhear-iuil aig luchd-turuis a dol tre’n bhaile so, agus tha mi nis eolach air fear d’an ainm Mnason, a mhuinntir Shipruis, seann deisciobuil, a dh’ fhaodas sinn fuireach na thigh. Ma chi sibh iomchuidh e faodaidh sinn dol ann. Tha sinne ro dheonach ars iadsan; oir bha ’n t-anmoch a nis ann, ach bha Misneachail eolach air an rathad chum tighe an t-seann duine. Thainig iad d’a ionnsuidh, agus bhuail iad aig an dorus, agus dh’ aithnich an seann duine cainnt Mhisneachail co luath sa labhair e, agus dh’ fhosgail e ’n dorus, agus leig e steach iad uile. An sin thuirt fear an tighe, Cia fhad ’s a thainig sibh an diugh? Fhreagair iad, gun d-thainig iad o thigh Ghaius a charaid. Thuirt e riu gur math a choisich iad, ’s nach b’ioghnadh iad a bhi sgìth; agus iad a shuidhe sìos. Mar sin shuidh iad. Mis. Cionnas a tha sibh mo chàirde? ’Si mo bharail gur e ur beatha aig mo charaid. ’S math is e ur beatha agams, a deir Mnason; agus iarraibh ni’s àill leibh, agus ni sinne ar dìcheall chum fhaotainn duibh. Ion. B’e o cheann ghoirid an t-aon ni a bha dh’ easbhuidh oirn fàrdoch mhath agus deagh chuideachd, agus tha dòchas agam gun d’ fhuair sinn a nis le chéil iad. Mnas. Tha sibh a’ faicinn na fàrdoich; ach ’sann le deuchainn a dhearbhar a chuideachda. Mis. Ro mhath; an deoin leat an seomraichean a nochda do’n luchd-thuruis? ’S deoineach leam gu deimhin, thuirt Mnason. Mar sin thug e iad d’an seomraichibh fa leth, agus nochd e [TD 245] dhoibh seomar mòr rìomhach, far am faodadh iad a bhi cò’-ladh agus an suipeir a ghabhail ann gus an d-thigeadh àm dhoibh gabhail mu thàmh. An uair a bha iad mar so air socruchadh c’ar ùine bheag, dh’ fheoraich Ionraic de dh’ fhear-an-tighe, an robh cus de dhaoinibh math sa bhaile? Mnas. Tha beagan ann; oir gu deimhin cha’n’eil iad ach tearc an coimeas ris na tha air atharrachadh. Ion. Cionnas a dh’ fhaodas sinn cuid diubh fhaicinn? Oir tha daoine math fhaicinn dhoibh-san air oilthireachd, ceart mar tha a ghealach agus na reultan dhoibh-san a tha tionnsgnadh air turus. An sin bhreab Mnason an t-ùrlar le chois, agus thainig Gràs a nighean a nìos; agus thuirt e rithe, i dhol a dh’ innse d’a chàirdibh, Iriosal, Naomha, Déigheil-air-deagh-dhaoine, Fìrinneach, agus Aithreachail, gun robh maille ris-san, caraid no dha leis am bu mhiann am faicinn an nochd. Chaidh Gràs a mach, agus thug i fios doibh, agus thainig iad; ’s an déigh dhoibh fàilt a chur air a chéile, shuidh iad sios aig a bhord. An sin thuirt Mnason, fear-an-tighe, A choimhearsnaiche, tha agamsa, mar tha sibh a’ faicinn, coigrich am thigh; is oilthirich iad, a thainig asdar fada, agus tha iad air an turus chum beinn Shioin. Ach cò air leibh a tha ’n so, ’s e comharrachadh le mheur ris a Bhana-chriosduidh? ’S i th’ ann bean Chriosduidh, am fear-turuis ainmeil ud, a dh’fhuiling le bhràthair Dìleas, na h-urrad dhìobhail agus thàmailt sa bhail’ againne. Chuir so ìoghnadh oirre, agus thuirt iad gur beag a shaoil leo gum faiceadh iad a Bhana-chriosduidh, ’n uair a ghairm Gràs iad; uime sin ’s taitneach an sgeul sin duinne. An sin dh’fhiosraich iad cionnas a bha i? Agus am b’ iad na h-òganaich sin clann a fir? ’S an uair a thuirt i riu gum b’ iad, thuirt iad riu, Gun deonaicheadh an Dia d’am bheil sibh a’ toirt gràidh agus seirbheis, dhuibh bhi mar ur n-athair, agus ur toirt far a’ bheil e fein ann an sìth. An sin dh’fheòraich Ionraic de dh’ Iriosal agus dhiubhsan a thainig leis, ciod an suidheacha san robh am baile san àm sin? [TD 246] Irios. Faodaidh sibh a thuigsinn gu bheil sinn làn othail an àm féille. Is deacair an ni dhuinn ar cridheachan agus ar n-inntinne a choimhead ann an deagh riaghailt a measg na h-urrad iomaguin. Tha feum aige-san, a tha thàmh ’na leithid so de dh’ àite, agus aig a’ bheil roinn ri muinntir mar tha aguinne, air càileigin de chulaidh-bhrosnuchaidh, chum a chumail air fhaicill gach aon àm. Ion. Am bheil ur coimhearsnaich a nis gu sìochail sàmhach? Irios. Tha iad gu mòr ni ’s riaghailtiche no b’ àbhaist doibh bhith. Tha fios agad mar chaidh Criosduidh agus Dìleas a ghnàthachadh sa bhail’ aguinne; ach ’s ann a tha mi ’g ràdh, o cheann ghoirid, gu bheil iad ni’s riaghailtiche. Air leam gu bheil fuil Dhìleis na trom oirre gus an t-àm so; oir o’n a loisg iad e-san, cha do leig an naire leo aon neach eile a losgadh: san àm sin bu sgàthach leinn an t-sràid imeachd, ach faodaidh sinn a nis sinn fein a nochda gu neo-sheachantach. San àm sin bha ainm fir-aidmheil gràineil; ach tha a nis, ann an earrannaibh àraidh de’n bhaile, diadhachd air a meas urramach. An sin dh’fheòraich Iriosal diubh, cionnas a dh’ éirich dhoibhsan air an turus? Agus ciod an caoimhneas a bha ’n dùthaich a ’nochda dhoibh? Ion. Tha e tachairt duinne mar thàrlas e do luchd-cuairte; air uairibh gu math, agus air uairibh eile gu h-olc; air uairibh a’ dìreadh, agus air uairibh eile a’ tearnadh; cha ’n ’eil an soirbheas a ghnà r’ar cùl, cha mhò a tha gach neach a thachras oirnn na charaid duinn. Thainig sinn roi ioma deuchainn cheana; agus cha’n aithne dhuinn ciod a tha romhainn diubh: ach mhothaich sinn gu bheil na thuirt an sean fhocal, mar is pailte, fior, Gur urrainn do dhuine math cruaidh-chàs fhulang. Irios. Ciod na deuchainnean a thainig oirbh? Ion. Feòraich sin de Mhisneachail ar fear-iùil, oir ’s e gam fearr is aithn’ an aithris. Mis. Chaidh trì no ceithir de dh’ ionnsuidhean a thoirt oirn cheana. Air tùs, chaidh oirp a thoirt air a Bhana-chriosduidh agus air a cloinn, le dà éacorach, nach mòr nach do chuir as doibh. Thugadh ionnsuidh oirn le Famhair na fola, le Famhair eile, agus le Famhair Marbh- [TD 247] am-math; ach gun amharus ’s sinne thug ionnsuidh air an fhear ma dheire, ’s cha’n e-san oirne. ’S ann mar so a thachair: An diaigh dhuinn a bhi ré seal aig tigh Ghaiuis, smaoinich sinn ar n-airm ghaisg’ a thoirt leinn, agus dol a dh’ fhaicinn an amuiseadh a h-aon oirn a bha cur dragh air na h-oilthirich; oir chuala sinn gun robh eas-caraid mòr aca mu’n àite sin. Bha Gaius ni b’ eolaiche na bha sinne mu gharaidh-dhìon an Fhamhair; agus chuir sinn faothaid a mach air a thòir, gus an d’fhuair sinn sealladh air beul na h-uadha anns an robh e: An sin bha aiteas oirn, agus thog ar misneach. Thainig sinn dlù air a gharaidh, agus feuch, air dhuinn teachd ann, rinn e breth air eigin, le lamhachas laidir air an duine bhochd so, Inntinn-lag, agus bha e dìreach air bheul cuir as da. Ach an uair a chunnaic e sinne, a’ smaoineacha gur sinn cobhartach a b’ fhearr, dh’fhàg e ’n duine truagh; agus thainig e far an robh sinn. Thug sinn ionnsuidh fhiadhaich air a chéile, agus bha e ro bhorb; ach ma dheire thuit e, agus chaidh a cheann a sgathadh dheth, ’s a chuir suas mar chuimhneachan ri taobh na slighe, a chuir eagail orrasan aig am biodh a shamhuil sud de ghnàthachadh mi-dhiadhaidh. Mar chomharra gur i ’n fhirinn a th’ agam, tha’n duine fein an so mar dhearbhadh air, a chaidh, mar uan, a thoirt a beul an leomhainn. Innt. Mhothaich mise gur i ’n fhirinn a th’ ann, agus nach mearachd. Naomha. Is da ni a dh’fheumadh a bhi aig oilthirich, cruadal agus caithe-beatha neo-lochdach. Mar bi iad cruadalach, cha’n urrainn iad buanachadh air an t-slighe; agus ma bhios an caithe-beatha mi-iomchuidh, tàirnidh iad mi-mheas air an aidmheil. Déigh. Tha dòchas agam nach ’eil an sanus so feumail dhuibhse. Ach gu firinneach’ tha iomad neach ag imeachd air an t-slighe a tha nochda gur coigrich iad air oilthireachd, ni ’s mò na gu bheil iad nan coigrich agus nan luch-cuairt air thalamh. Firinn. Tha e sin fior, cha ’n ’eil aon chuid aca éididh no misneach an oilthirich; cha ’n ’eil iad a’ suibhal gu cothromach, ach a nunn agus a nall, gu broineagach neo- [TD 248] shnasmhor, a’ tarruing eas-urram, le ’n giulan, air an Tighearna. Aith. Bu chòir dhoibh bhi dubhach arson nan nithe sin; oir cha ’n ion doibh fiuthair a bhi aca, ris a ghràs is miannach leo, air an turus, agus air am fàs ann an naomhachd, gus am bi iad air an glanadh o’n samhuil sin. Mar so shuidh iad a’ co’-chainnt r’a chéile, gus an robh an t-suipeir deas, ni a ghabh iad; agus ghabh iad mu thàmh a thoirt fois d’ an cuirp fhann sgìth. A nis dh’fhuirich iad aig an fhéill ann an tigh Mhnason re ùine mhòr, neach, a thug Gràs a nighean na mnaoi do Shomhairle mac na Bana-chriosduidh, agus Marta do Ioseph. Dh’ fhuirich iad fad ’an so, mar thuirt mi; oir cha robh muinntir a bhaile co fiadhaich ’sa b’ àbhuist doibh. Uime sin dh’ fhàs iad eolach air mòran de dhaoinibh math a bhaile, agus rinn iad gach math dhoibh a b’urrainn iad. Bha Tròcair, mar bu ghnà leatha, ag oibreachadh arson nam bochd, uime sin thug am brù agus an druim am beannachd orra; oir bha i san àite sin na h-urram d’a h-aidmheil. Bha mar an ceudna Gràs, Phebe, agus Marta, gu mathasach deagh-bheusach, a’ sìor dheanamh math a réir an cothrom. Bha iad fòs ro shìolmhor, ionnas, mar thuirt mi, gun robh gineil Chriosduidh a’ fàs lionmhor air thalamh. Am feadh a bha iad san àite so, thainig Uilbheist a mach as a choillidh, agus mharbh e mòran de mhuinntir a bhaile. Bheireadh e mar an ceudna air falbh leis na h-urrad de’n cloinn, agus theagaisgeadh e dhoibh a dheothal mar dheanadh a chuileanan. Cha robh chridh aig aon fhear a bha sa bhail’ aghaidh a thoirt air; ach theicheadh iad roimhe ’n uair a chluinneadh iad fuaim a theachd. Cha robh ’n uilbheist so coltach ri aon bheathach a bh’ air aghaidh na talmhuinn: bha chorp mar dhràgon, bha seachd cinn agus deich adhaircean air. Foill. xiii. 1. Rinn e àr mòr air a chloinn, ’s gidheadh bha e fo cheannsul boirionnaich. Thairg am fiadh-bheathach so cumha do dhaoinibh, agus ghabh iadsan leis am bu docha am beatha no an anmaibh, ris na cumhnantaibh sin. Ach dh’ inntrinn Misneachail, agus iadsan a thainig a [TD 249] dh’ fhaicinn nan oilthireach do thigh Mhnasoin, ’an co’-bhoinn gun rachadh iad le aon fheachd a thoirt ionnsuidh air an fhiadh-bheathach ud, a dh’ fheuch am faigheadh iad muinntir a bhaile a shaoradh o mhàgaibh agus o bheul sgriosach millteach na nathrach so. An sin chaidh iad fo’n armaibh a dhol na chò’dhail; agus bha ’m fiadh-bheathach air tùs ro ladurna, dhàna, agus sheall e le tàir air na naimhdibh ud; ach thug iad ionnsuidh co gramail air le aon fheachd, ’s gun do chuir iad an ruaig air; agus thainig iad dachaidh do thigh Mhnasoin a rìs. Bha aig an uilbheist so àmaibh sònruicht air an robh e teachd a mach, ’s a’ toirt oirp air cloinn muinntir a bhaile: Rinn na daoine treubhach sin faire air sna h-àmaibh àraidh sin, agus thug iad ionnsuidh dhiongmhalt air, ionnas gun do leon iad, agus gun d’fhàg iad crùbach e; air chor ’s nach d’ rinn e na h-urrad dholaidh do mhuinntir a bhaile, ’s a b’ àbhuist da. Agus tha cuid de dhaoin’ ann am barail gum bàsaich e a thoradh a chiorraim a fhuair e. Uime sin dh’ fhàg an treubhantas sin Misneachail agus na bha maille ris measail sa bhaile, ionnas gun robh àrd mheas aig iomad neach orra a bha an atharrachadh aidmheil riu. ’Sann air a shon so nach d’ rinneadh ach beag dochair air na h-oilthirich sin san àite so. Bha cuid-eigin de ’n mhuinntir bu truaillidh dhìubh, a bha air bheag fiosrachaidh, nach robh measail umpa arson an gaisge agus an cruadail. Thainig a nis an t-àm san robh na h-oilthirich ris an àite sin fhàgail, agus triall air an turus. Chuir iad fios air an càirdean, rinn iad cainnt riu, agus chuir iad àm àraidh air leth chum iad fein a chuir fo chomraich agus fo dhìon an Cinn-fheadhnaidh. Bha dream eil ann a thug d’an ionnsuidh cuibhrionn de na bh’ aca, a bha freagarrach do’n lag agus do’n laidir, do na mnathaibh agus do na fearaibh, a mheud ’s a bha feumail doibh. Gniomh. xviii. 10. An sin theann iad ri imeachd air an turus, agus chaidh an càirdean leo co fad ’s a bha e iomchuidh dhoibh, agus dh’ earb iad araon iad fein ri cùram an Righ, agus dhealaich iad. [TD 250] Dh’ imich iadsan a b’ oilthirich ann air an aghaidh, agus ghabh Misneachail an toiseach; ach a chionn nach robh na mnathan agus a chlann ach lag, b’ eigin doibh imeachd gu fòill; leis a sin bha aig Inntinn-lag, agus aig Ullamh-gu-stad, muinntir gu co’-fhulangas a dheanamh leo nan triall mall. An uair a dhealaich iad ri muinntir a bhaile, ’s a ghabh an càirdean an ’cead diubh, thainig iad air ball chum an àit ’s an do chuireadh Dìleas gu bàs: sheas iad aige, agus thug iad buidheachas do’n ti a neartaich e gu giulan le fhulangasaibh co ciatach; gu h-àraidh o’n a mhothaich iad buannachd ag éiridh dhoibh fein as a leth. Uime sin dh’ imich iad air an aghaidh uidhe mhath, a’ labhairt mu Chriosduidh agus mu Dhìleas, agus mar thainig Ciatach a dh’ ionnsuidh Chriosduidh an déigh bàis Dhìleis. Bha iad a nis air teachd chum Tulaich an t-saibhris, far an robh a mhéin airgid, a chuir Demas air iomrall air a thurus, agus far, an robh daoine sa bharail, an do thuit cealgach, agus an deachaidh e dhì; uime sin bha iad a’ labhairt mu na nithe sin. Ach an uair a thainig iad chum an t-seana-chuimhneachain a bha fa chomhair Tulaich an t-saibhris, eadhon an carradh salainn, a bha ’n sealladh Shodoim, agus an loch neo-chùbhraidh a bh’ aige, ghabh iad iongantas, mar ghabh Criosduidh roimhe, gun rachadh daoine co geur-chuiseach riusan a thaoibh san àite sin. Ach a mhain thug iad fainear nach ’eil na h-urrad mhothachaidh aig daoine air dosgainn chàich, gu h-araidh ma tha an ni o’n d’ éirich e a’ furan buannachd air an neo-eagnuidh. Cunnaic mi a nis gun deachaidh iad air an aghaidh, gus an d-thainig iad taobh na h-abhunn a bha eadar iad agus na Beanntaidh Thaitneach. An abhuinn far an robh na craobhan àluinn a’ fàs air gach taobh dhith, a tha an duilleach nan ìocshlaint air ioma gné eucail. Salm xxiii. far a bheil an t-àilean uaine gach aon àm, agus far am faodadh iad luidh sìos gu tèaruinte. Bha mainneirean chaorach air an àilean sin ri taobh na h-abhunn, agus tigh air a thogail far an rachadh na h- [TD 251] uain, naoidheana nam ban sin a bhiodh air oilthireachd, àrach agus a thogail suas. Eabh. v. 2. Isa. xl. 11. Bha fòs san àite so fear air an robh an cùram, a bhuineadh gu h-iochdmhor bàigheil riu, a chuairticheadh le a ghairdean na h-uain, ’s a ghiulaineadh na uchd iad, ’sa dh’ iomaineadh gu sèimh an spréidh a tha trom le h-àl. Air an aobhar sin dh’asluich a Bhana-chriosduidh air a ceathrar nighean an clann mhaoth a chuir air cùram an duine so, chum gu’m biodh iad air an gabhail a stigh, fo dhìon, agus air am beathachadh ri taobh nan uisgeachan sin agus nach biodh a h-aon diubh air chall na dhéigh sin. Ma dh’éireas gun d-théid a h-aon diubh air seacharan, no air chall, bheir an duine so air an ais a rìs iad; ceanglaidh e suas na bhios leointe, agus neartuichidh e na bhios tinn. Esec. xxxiv. 11,—16. An so cha bhi easbhuidh bìdh, dibhe, no aodaich orra; an so coimheadar sàbhailt iad o mhearlaich agus o luchd-spùinnidh; oir fuilingidh an duine so am bàs m’an caillear aon ni a dh’ earbar ris. Osbarr bithidh iad so fo dheagh oilein air an rogha teagasg, agus bithidh iad air am foghlum san t-slighe cheart, agus tha fios agaibh gur àghmhor an gnothach sin. Tha sibh a’ faicinn gu bheil san àite so fior-uisge, réithleanan taitneach, blàithean maiseach, iomadaidh seòrsa chraobh, a tha ’giulan meas fallain: Cha’n e an seòrsa meas a dh’ ith Mata, a bha’n crochadh thar balladh lios Bheelsebuib; ach meas a bheir slaint’ a easlainte, agus a mheudaicheas i far am bi i. Mar so bha iad deonach an clann bheag earbsa ris; agus bha iad ni bu deonaiche sin a dheanamh, a chionn gur h-ann air costus an Righ a bha’n t-iomlan, agus gur ni bh’ann tigh-eiridinn do chloinn òig agus do dhìlleachdanaibh. Chaidh iad a nis air an aghaidh; agus an uair a thainig iad gu Frith-rathad-an-àilein, a dh’ ionnsuidh a bhealaich, a chroisg Criosduidh agus a chombanach Ciatach, an uair a ghlac Famhair-gun-dòchas iad, ’s a chuir e an laimh iad ann an Daighneach-an-teagamh, shuidh iad a chuir an comhairle ri chéile, ciod a b’ fhearr dhoibh a dheanamh, o’n a bha iad a nis co murrach, agus gun robh Misneachail na cheann-iuil aca, am bu choir dhoibh oirp a thoirt air an [TD 252] Fhamhair, agus a dhaighneach a leaga sìos, ’s ma bha a bheag de luchd-cuairt ann, an cuir fa sgaoil, m’an rachadh iad ni b’ fhaide. Theireadh a h-aon diubh aon rud, agus theireadh an t-aon so rud eile. Bha aon diubh ag ràdh nach robh e ceadaichte dhoibh imeachd air talamh neo-choisrigte; thuirt neach eile gun robh, nam b’ ann air gnothach math a bhitheadh e; ach thuirt Misneachail, ge nach fhaod a bharail ma dheireadh a bhi air mhodh coitchionn fior, gidheadh gun robh àithne aige-san cuir an aghaidh a pheacaidh, buaidh a thoirt air an olc, agus cath math a chreidimh a chur; agus cò ris is còra dhomh an cath math so a chur, no ri famhair-gun-dòchas? Bheir mi ma ta oirp air a chuir gu bàs, agus air Daighneach-an-teagamh a chuir as a cheile. An sin thuirt e, Cò a théid leam? An sin thuirt sean Ionraic, Theid mise leat. 1 Eoin. ii. 13. theid sinne ann cuideachd, thuirt ceathrar mac na Bana-chriosduidh, Mata, Somhairle, Ioseph agus Seumas; oir bha iad gu h òg treubhach. Mar sin dh’ fhàg iad na mnathan air an t-slighe, agus dh’fhuirich Inntinn-lag agus Ullamh-gu-stad le chuid lorg chum an dion, gus am pilleadh iad; oir ged a bha famhair-gun-dòchas a chòmhnuidh co dlù dhoibh, dh’ fhaodadh leanamh beag an coimhead, ach iad a dh’ fhuireach air an t-slighe. Isa. xi. 6. Dh’fhalbh Misneachail, Ionraic, agus a cheathrar òganach suas chum Daighneach-an-teagamh a dh’ fheuch am faiceadh iad am famhair. An uair a ràinig iad an dorus, bhuail iad gu ladurna dàna. Thainig am famhair gu dàicheil a chum an doruis, agus lean An-earbs’ a bhean e. An sin thuirt e, Cò a tha co dàna mhìobhail, ’s a tha mar so a’ cur dragh air famhair-gun-dòchas? Fhreagair Misneachail, Is mise th’ ann, aon de luchd iuil Righ nèamha, chum oilthirich a stiuradh air an t-slighe, agus tha mi ’g àithne dhuitse an dorus fhosgladh dhomh: dean thu fein, uime sin, deas chum cath a chur riumsa, oir thainig mi a thoirt buaidh ort, ’s a leagadh do Dhaighnich. Air leis an fhamhair, o’n a bha e fein na fhamhair mòr laidir, nach faigheadh neach sam bith buaidh air; agus maoinich e o’n a bha e roimhe so cleachdta ri buaidh a thoirt air ainglibh, an e gun cuir Misneachail so eagal [TD 253] orm? Mar sin chaidh e fo armaibh, agus thainig e ’mach. Bha clogaid stàilinn mu cheann, uchd-éididh theinnteach air a crioslachadh uime, agus thainig e ’mach ’am brogaibh iaruinn, agus a bhachuill na laimh. An sin chaidh an t-seisear fhear ud na chò’-dhail, agus chuartaich iad air gach taobh e: agus an uair a thainig An-earbs’ a bhan-fhamhair ga chòmhnadh, chuir seann Ionraic as dith le aon bhuille. An sin thòisich an iorghuill, agus chuir iad am famhair gu talamh, ach bu leisg leis géilleadh: Bha e co righinn ri cuir as da ’s a bhitheadh cat; ach mharbh Misneachail e, agus sgar e an ceann o chorp. An sin thòisich iad air an Daighneach a leagadh, oir cha robh sin deacair r’a dheanamh chionn nach bu bheo am famhair. Bha iad car sheachd laithean ga leagadh, agus fhuair iad de luchd-cuairt ann, aon d’ am b’ ainm Trom-inntinneach, agus Geilt a nighean, a bha dlù air bhi marbh de’n ghorta, agus shaor iad beo as iad. Ach chuireadh e ìoghnadh ort fhaicinn na bha de chuirp mharbh bhèubainichte, agus de chnamhaibh dhaoine san àite sin. An uair a chuir Misneachail agus a chuideachd crìoch air a ghnothach ud, thug iad leo Trom-inntinneach agus a nighean, oir bu shluagh còir iad, ged a bha iad an laimh ann an Daighneach-an-teagamh aig Famhair-gun-dòchas. Thug iad cuideachd leo mar an ceudna ceann an fhamhair, ach dh’ adhlaic iad a chorp fo charn chlach, agus thainig iad chum na h-aitim a dh’fhàg iad, agus dh’ innis iad doibh mar a rinn iad. An uair a chunnaic Inntinn-lag agus Ullamh-gu-stad ceann an fhamhair bha iad ro aoibhneach. Rinn iad uile gairdeachas mòr arson mar shoirbhich leo; ’s an uair a thug càch an aire air toilinntinn, ’s ann a thug Trom-inntinneach lamh air a bhiadh, oir bha e air a chlaoi le h-ocras: agus thug a Bhana-chriosduidh dha balgam as an t-searraig, agus dh’ fhàs e gu treun misneachail. A nis chunnaic mi am aisling ’n uair a rinneadh na nithe sin, gun do ghabh Misneachail ceann an fhamhair, agus gun do chuir e suas ri taobh na slighe e air stob, thall fa chomhair far an do chuir Criosduidh suas cuimhneachan, a thoirt sanus do luchd-turuis fuireach o fhearann an fhamhair. [TD 254] Dh’ imich iad an sin air an turus, gus an d-thainig iad na beanntaidh thaitneach, far an d-ath-bheothaicheadh Criosduidh agus Ciatach le nithibh sòghail nam beann. Chuir iad an eolas air na buachaillean, a rinn am beatha gu cridheil, mar rinn iad ri Criosduidh roimhe. ’S an uair a chunnaic na buachaillean na h-urrad diubh còmhlath, thuirt iad ri Misneachail, ’staitneach a chuideachd a fhuair thu an so; c’àit an d’fhuair thu iad? agus co iad? An sin thuirt Misneachail gun robh ann bean Chriosduidh agus a clann, a chaidh iompachadh o dhorchadas gu solus, sean Ionraic, Inntinn-lag, Ullamh-gu-stad, Trom-inntinneach, agus a nighean Geilt, agus gum bu mhath leo fios fhaotainn am faigheadh iad aoidheachd an so an nochd, no’m b’ eigin doibh dol ni b’fhaide? An sin thuirt na buachaillean, is taitneach a chuideachd a tha ’n so, ’s e ur beatha againne, oir tha againn do’n lag co math agus do’n neart-mhor; tha cùram aig ar Ceann-feadhnadh mu na nìtear air an neach is lugha dhiubh sin, Mat. xxv. 40. Air an aobhar sin cha’n fhaod laigsinn cosg a chuir air ar biatachd. Mar sin thug siad iad gu dorus na lùthchuirt, agus thuirt iad riu air an ainm dol a steach. Thuirt na buachaillean ri Misneachail, gun d-thug iad air an ainm cuireadh dhoibh sin, a chionn gu bheil iad ullamh gu dol air an ais, eadhon Inntinn-lag, Ullamh-gu-stad, Trom-inntinneach, agus Geilt a nighean; ach air do shons’ agus a mhuinntir eile a tha laidir, tha sinn g’ ar fàgail gu’r saorsadh ghnàthaichte. An sin thuirt Misneachail, thu mi an diugh a’ faicinn gu bheil gràs a’ dealradh ’n ur gnùis, agus gur sibh da rìreadh buachaillean mo Thighearna; a chionn nach d’rinn sibh coimhicheas ri a mhuinntir dheireasach, agus gun d’ fhàiltich sibh am beatha do’n lùth-chuirt, leis gach furan bu chaomhaile, mar bu chòir. Esec. xxxiv. 21. Mar sin chaidh an lag agus an ciorramach a steach, agus lean Misneachail agus càch iad. An uair a shuidh iad, dh’ fheòraich na buachaillean ri aon de’n mhuintir bu laige, ciod a ghabhadh e? Oir thuirt iad, ’s eigin gum bi gach ni air a riaghailteach san àite so chum an lag a [TD 255] chumail suas, co math agus chum sanus a thoirt dhoibh-san a tha mi-riaghailteach. Mar so dh’ ullaich iad cuirm de nithibh a bha so-chnàmh, agus taitneach do’n bhlas; agus an déigh sin ghabh iad mu thàmh. An uair a thainig a mhaduinn, agus a chionn gun robh an latha soilleir, agus na sléibhtean àrd, thug na buachaillean na h-oilthirich chum a mhullaich, a dh’ fhaighinn seallaidh mar bu ghnà leo air nithibh iongantach, mar nochd iad do Chriosduidh roimhe. Thug iad iad chum cuid de dh’ ionaid ùra. B’ e a cheud àite Meall-an-iongantais, far am fac iad fear fad as ag atharracha nan sléibhtean le cainnt. An sin dh’ fheoraich iad de na buachaillibh ciod bu chiall da sin? Thuirt iad riu gum b’e an duine sin mac Mòr-ghràis, air a’ bheil iomradh ’sa cheud earrann de’n leabhar so; agus tha e air a shocrachadh san àite sin a theagasg nan oilthireach creidsinn, agus gun d-thugadh iad buaidh air gach cruaidh-chas a thigeadh nan caramh. Marc. xi. 23, 24. An sin thuirt Misneachail, is aithne dhomhs e, tha e còrr air mhòran. An sin chaidh iad leo chum ionad eile, ris an abrar Beinn-an-neo-chiontachd, agus chunnaic iad fear an so sgeudaichte an éididh ghil, agus dithis dhaoine, Fuath agus Mi-rùn, a’ sior thilgeadh salchair air: agus ge b’ e ni a thilgeadh iad air, thuiteadh e dheth a rìs an ùine ghearr, gun a shalachadh. An sin dh’fheòraich an luchd-turuis, Ciod bu chiall da so? Thuirt na buachaillean, Gum bu duine diadhaidh am fear ud, agus gur ann a nochdadh a chaithe-beatha neo-chiontaich a bha thrusgan geal. A nis is iadsan a tha tilge salchair air an aitim air am beag deagh chaithe-beatha; ach mar tha sibh a’ faicinn nach lean a bheag de’n t-salchar ris, ’s amhuil a tharlas e dhàsan a chaitheas a bheatha gu neo-lochdach sa bheatha so: Ge b’e leis am b’àill sal a thilgeadh air an samhuil sin, ’s diomhain an oirp; oir bheir Dia fainear an ùine ghearr gum brùchd an neo-chiontas amach mar an solus, agus an ionracas mar mheadhon-là. An sin thug iad iad gu Maol-na-Seirce, far an d’fheuch iad doibh fear aig an robh mìr aodaich air a bheulaobh, as [TD 256] an tug e culaidhean do na bochdaibh a bha m’an cuairt da; gidheadh cha bu lughaid a mhìr e. An sin thuirt iad, ciod bu chiall da so? Thuirt na buachaillean riu, gur ann a bha so a nochda dhoibh, nach bi airc air cridhe fial, no di air an laimh a bhios fiughantach do’n bhochd agus do’n fheumach. Gheibh e-san a bhios tabhartach ni r’a fheum. Agus cha bu lughaid min na banntraich a bhreacag a thug i do’n fhàidh. Thug iad an sin iad a dh’ ionnsuidh àite far am fac iad Amadan, agus Fear-gun-tùr, a nigheadh Etiopiach, chum a dheanamh geal: ach mar bu mhòid a nigheadh iad e, ’s ann bu duighe a dh’ fhàsadh e. An sin dh’ fheòraich iad ciod a bha so a’ cialluchadh? Agus dh’ innis iad doibh, Gur amhuil a thachair do gach neach truaillidh; gum bi gach meadhon a ghnàthaichear chum deagh ainm a chosnadh dha na impidh air fhàgail ni ’s gràineile. B’ amhuil a bha na Pharisich, agus ’s amhuil a thachras do gach cealgoir. An sin thuirt Tròcair, bean Mhata, ri màthair-chéile, bu ghean-math leam, nam faoidte e, gum faicinn an dorus a th’ air an leachduinn, ris an abrar gu coitchionn an leth rathad chum ifrinn. Dh’ innis a màthair-chéile a h-iartus do na buachaillibh. An sin chaidh iad a chum an doruis, ni a dh’ fhosgail iad, agus thuirt iad ri Tròcair, i dh’ éisdeachd re seal; Mar sin dh’ éisd i, agus chual i aon ag ràdh, Mo mhalluchd do m’ athair a chum air m’ ais mi o shlighe na sìth agus na beatha; agus thuirt neach eile, Och nach robh mi air mo reubadh as a chéile, m’an do chaill mi m’ anam a shaoradh mo bheatha; agus thuirt neach eile, nam bithinn a rìs an toiseach mo bheatha, ’s mi a chaitheadh i air mhodh a shaoilinn nach toilleadh an t-àite so. Bha ’n talamh mar gum b’ann air chrith foidhpe le osnaich agus le gearan cràiteach; ní a chuir maoim agus eagal air Tròcair, agus thainig i air falbh uaith, air bhall crith, ag ràdh, Is sona gach neach a shaorar o’n àite so. An uair a nochd na buachaillean gach ni dhiubh sin doibh thug iad a rìs air an ais iad chum na lùth-chuirt, [TD 257] agus bhàraig * iad riu gach ni a b’fhearr a bh’ aca: Ach air do Thròcair déigh a ghabhail air ni-eigin a chunnaic i san tigh, agus bu nàr leatha iarruidh: An sin dh’fhiosraich a màthair-chéile, ciod bu choireach rithe; oir thuig i nach robh i gu math. An sin thuirt Tròcair, tha sgàthan anns an t-seòmar mhòr nach urrainn domh a leig as m’ aire; agus mar faigh mi e, ’s eagal leam nach bi mi slàn. Thuirt a màthair-chéile rithe, gun labhradh ise ris na buachaillibh mu’n ni a bha i ’miannuchadh; agus cha diult iad duit an ni air a bheil do dhéigh. Ach thuirt i gum bu nàr leatha gu’n cluinneadh iad gun robh a mhiann oirre. Ach thuirt ise rithe nach bu nàr idir, ach gum bu chliuiteach an ni déigh a bhi aice air a leithid sud: thuirt i an sin nam biodh i co math, ma ta, agus fheòraich dhiubh an reiceadh iad rithe e. Thug an sgàthan barr air mìle. Air aon seol nochdadh e do dhuine a dhreach fein gu riochdail; agus le thionnda air dòigh eile, leigeadh e fhaicinn do neach ceart aghaidh agus samhladh Ceann-feadhna nan oilthireach fein. Labhair mi uime riu-san d’an aithne e, 1 Cor. xiii. 12. 2 Cor. iii. 18. agus thuirt iad, gum fac iad an ceart chrùn sgithich air a cheann, le amharc san sgàthan sin: chunnaic iad mar an ceudna na creuchdan a bha na lamhaibh, na chosaibh, agus na thaobh. Tha ghloine so co luachmhor, ’s gun nochd i dhoibh e mar is àill leo, beo no marbh; air nèamh no air thalamh; ann an staid irisleachaidh no àrdachaidh; a’ teachd gu fulang no a rìoghachadh. Uime sin chaidh Bhana-chriosduidhh far an robh na buachaillean, d’am b’ainm Eolas, Fein-fhiosrachadh, Furachair, agus Treibh-dhireach, agus thuirt i riu, gun robh bean a mic, mar bu tric a bhiodh mnài oga, gabhail déigh mhòr air ni-eigin a bha aca, agus gur e air leatha nach biodh e slàn as eug’ais. Fein. Gairm an so i, cha bhi aon ni is urrainn duinn a thoirt dith nach faigh i. Rinn iad guth orra, agus thuirt iad rithe, a Thròcair, ciod a b’ àill leat fhaotainn? Thainig rugha na gruaidh, agus thuirt i, Gun robh an sgàthan * cho’-pairtich. [TD 258] ud a bha ’n crochadh san t-seomar mhòr: agus ruidh Treibh-dhireach ga iarruidh, agus thug iad dith e le làn ghean-math. An sin thug i buidheachas doibh, ag ràdh, gun robh fios aice le so gun d’fhuair i deagh-ghean nan sùilibh. Thug iad mar an ceudna do na mnài òg eile gach ni a mhiannuich iad, agus mòr chliu d’am fearaibh a chionn gun deachaidh iad le Misneachail a chuir as de dh’ Fhamhair-gun-dòchas, agus a sgrios Daighneach-an-teagamh. Chuir na buachaillean usgraichean bràghad mu mhuineal na Bana-chriosduidh, agus mu mhuineal mnài a mac; chuir iad mar an ceudna cluas-fhailean nan cluasaibh, agus seudan rìomhach air an eudannaibh. An uair a b’ àill leo imeachd, leig iad air falbh iad ann an sìth, ach cha d’ rinn iad na h-urrad gan comhairleachadh ’s a rinn iad air Criosduidh agus air a chombanach, a chionn gun robh Misneachail a’ deanamh an iuil doibh, neach o bha gu glic seolta, nam faiceadh e cunnart a’ tighinn nan caramh. Dhi-chiumhnich Criosduidh agus a chombanach na h-earailean a thug na buachaillean doibh, m’an d’ thainig àm dhoibh feum a dheanamh dhiubh. Uime sin ’se so aon chothrom a bha aig a bhuidheann so orra-san a bh’ air thoiseach orra; agus ’n uair a dh’imich iad sheinn iad mar so, Nach iomchuidh tha na h-ionaid stad, Do dh’oilthirich nan teinn; ’S mar ghabh iad ruinn gu fàilteachail, Gun iargaltas nam méinn: Thug dhuinn gach ni a mhiannuich sinn, Gun uireasbhuidh no dì, A threòruich air ar turus sinn, Gun mheatacha no sgìos. ’San uair a dhealaich iad ris na buachaillean, thainig iad chum an àite san do thachair Pill-air-falbh, a bha thamh ann am baile Dol-air-ais, air Criosduidh. Air an aobhar sin chuir Misneachail nan cuimhne e, ag ràdh riu, gur ann a thachair e air. Agus mu dhéibhinn an duine so, [TD 259] cha ghabhadh e comhairle sam bith ach an uair a theann e ri dol air ais, cha chuireadh impidh stad air. Oir an uair a thainig e far an robh ’n crann-ceusaidh agus an uaigh, thuirt fear ris sealltuinn orra; ach ’s ann a chuir e draoin air, agus thuirt e gun robh e cuir roimhe dol air ais da thìr fein. M’an d-thainig e chum a gheataidh, thachair Soisgeulaich air, a mhaoidh air, chum a chuir air an t-slighe a rìs, ach cha rachadh pill-air-falbh so ann, ’sann a thòisich e r’a chàineadh agus thàr e as uaithe. Mar sin chaidh iad air an aghaidh, agus chunnaic iad fear na sheasamh le chlaidheamh tàirngte na laimh, agus aodann làn fola, direach aig an àite san deachaidh Beag-creidimh a spùinneadh. An sin thuirt Misneachail, Cò thusa? Fhreagair an duine, ag ràdh, Is fear-cuairt mi, agus tha mi air mo thurus chum a bhaile nèamhuidh. ’Se m’ ainm Gaisgeil-arson-na-firinn. ’S am feadh a bha mi air mo thurus, thug triuir dhaoine ionnsuidh orm, a labhair rium air a mhodh so: 1. Co dhiu bhithinn mar fhear dhiubhsan? 2. No rachainn air m’ ais chum an ionaid as an d-thainig mi? 3. No bàs fhaghail far an robh mi? Gnàth. i. 10, 11, 13, 14. Ris a cheud ni thuirt mi, gun robh mi ré ùine mhòr am dhuine seasmhach, agus uime sin nach b’ ion a smaoineach a nis gun gabhainn le meirlich. An sin dh’fheòraich iad diom ciod a theirinn ris an dara ni? Agus dh’ innis mi dhoibh, mar mothaichinn an t-ionad o’n d-thainig mi mi-ghoireasach, nach tréiginn idir e, ach air dhomh a thuigsinn gun robh e mar sin, ghabh mi an doigh so a roghainn air. An sin dh’fheòraich iad diom m’an treas ni. Agus thuirt mi riu, Gun robh mo bheatha ni bu luachmhoire, na gun dealaichinn gu faoin rithe. Os barr, cha bhuin e idir dhuibhse na nithe sin a chuir fa m’ roghainn, agus gabhaibh cuid ur cunnairt ma bheanas sibh idir rium. An sin thug an triuir ud, d’am b’ ainm Fiadh-cheann, Cion-tùir agus Meachranach, aghaidh orm, agus thug mise ionnsuidh orrasan. Mar sin thòisich sinn, triuir an aghaidh a h-aon, agus mhair a chaonnag fad thrì uairean. Bhuilich iad orm, mar tha sibh a’faicinn, comharran air an gaisge, agus ghiulain iad leo caileigin de thoradh mo threubhantais se [TD 260] cuideachd. Cha d’ rinn iad ach dìreach falbh, oir ’s i mo bharail gun cual iad farum ur cos, agus theich iad. Mis. Bu neo-chothromach an tuasaid a bh’ agaibh. Gaisg. B’fheadh; ach ni e-san aig a’ bheil an fhìrinn air a thaobh gaisgeadh an aghaidh beagain no mòrain: Thuirt aon neach, ged a chuairtich feachd mi, cha bhi eagal orm: ged éirich cogadh am aghaidh, an so bithidh mo mhuinghinn, &c. A bharr air sin, thuirt e, leugh mi ann an eachdruidh, gun do chuir aon duine an ruaig air armailt; agus cia ioma fear a mharbh Samson le canimh-peircill asail? Mis. Ach o nach d’ fhuair thu cothrom na Féinne, c’ arson nach do ghlaodh thu, chum gun tigeadh neach eigin gu d’ chòmhnadh? Gaisg. Rinn mi sin ri m’ Righ, a bha fhios agam a chluinneadh mi, agus a chuireadh còmhnadh diomhair am ionnsuidh: agus bu leoir leam sin. Mis. Is ciatach a rinn thu; leig leam do lann fhaicinn; agus rinn e sin. An uair a ghlac e na laimh i, ’sa dh’ amhairc e oirre, thuirt e, O ho! is ann de shàr-lannaibh Ierusaleim i so. Gaisg. ’S ann gu deimhin. Ma bhios aon de na lannaibh sin ann an laimh cheart, a bhios na chearraiche math air a cùl, faodaidh e aghaidh a thoirt air aingeal leatha. Cha’ n eagal gu’n géill i, m’ as aithne dhàs’ a h-iomairt. Cha mhaolaich a faobhar idir. Gearraidh i feoil agus cnàmhain, anam agus spiorad le chéile. Mis. Mhair a chò’-strigh uine mhòr, ’s ìoghnadh leam nach ’eil thu sgìth na déigh. Gaisg. Chathaich mi gus an do lean mo chlaidheamh ri m’ laimh; agus an sin bha iad co tàdhaite ri chéile, ’s ged a b’ann a’ m’ ghàirdein a dh’ fhàsadh an lann, ’s an uair a bha ’n fhuil a’ sìor shruthadh sìos o’ m’ laimh, ’s ann bu chruadalaich a bha mi. Mis. Is math a fhuaradh tu; sheasamh thu gu fuil, a’ cathachadh an aghaidh peacaidh; buanaichidh tu leinne, thig thu steach agus theid thu a mach maille ruinn; oir is sinne do dhearbh chombanaich. An sin ghabh iad ris, dh’ ionnlaid iad a chreuchdan, agus thug iad da cuibhrionn de gach ni bha aca chum ath- [TD 261] bheothachadh; agus dh’ imich iad maille ri chéile. A nis, am feadh a bha iad ag imeachd, chuir Misneachail ioma ceist air, mar tha, cò bu dùthaich dha? Gaisg. Thainig mi o’n tìr-dhorcha, sann a rugadh mi, agus tha m’ athair agus mo mhàthair fhathast ann. Mis. An tìr-dhorcha! nach ’eil i sin goirid o bhaile Leir-sgrios? Gaisg. Tha i. Agus ’s e an ni a bhrosnuich mi gu triall air oilthireachd, gun robh fear nar measg ris an abradh iad Fìrinneach, agus dh’ innis e mar dh’ éirich do Chriosduidh a dh’ fhàg baile an Leir-sgrios; eadhon mar dh’ fhàg e a bhean agus a chlann, agus a dh’ imich e air a thurus. Bha e cuideachd air aithris mar mharbh e nathair a theann ri stad a chuir air; agus mar rainig e ’n t-àite bha rùn air a ruigheachd. Chaidh aithris mar b’e a bheatha anns gach ionad stad a bh’ aig a Thighearna, gu sònruicht an uair a rainig e am baile nèamhuidh; oir, ars an duine, chaidh gabhail ris le gairdeachas agus le fuaim thrompaidibh, a rinn cuideachda dhealrach air a shon. Dh innis e fòs gun do sheinn na cluig le aoibhneas a chionn gun d’ ràinig e; agus gun deachaidh trusgan òir a chuir uime, maille ri ioma ni air nach d-thoir mi luaidh. An aon fhocal, rinn sgeul an duine mu Chriosduidh na h-urrad dhrùghaidh orm, ’s gun robh mi ’n ro gheall air falbh na dhéigh; air chors ’s nach gabhuinn comhairle athar no màthar gun dol ann; agus tha mi an fhad so air m’ aghaidh. Mis. Tha dòchas agam gun d-thainig thu stigh air an dorus? Gaisg. Thainig mi; oir thuirt an duin’ ud rium, nach diongadh e a bheag dhomh, mar inndrininn a stigh air an dorus chumhang. Mis. Feuch, a deir am fear-iùil ris a Bhana-Chriosduidh, mar tha iomradh air oilthireachd t-fhir air sgaoileadh am fad ’s am fogus. Gaisg. An i so bean Chriosduidh? Mis. ’S i; agus is iad sin a chearthar chloinne. Gaisg. Agus a’ triall air oilthireachd cuideachd? Mis. Tha gu deimhin, iad a’ dol na dhiaigh. Gaisg. Is math leam sin. ’S ait leis an duine chòir [TD 262] ’n uair a chi e iad, a’ dol a stigh do’n bhaile neamhuidh, ge nach falbhadh iad leis fein. Mis. Gun ag is toil-inntinn leis e, oir an taobh a muigh ga shonas fein, ’s cinnteach gur e ni is annsadh leis a bhean agus a chlann a bhi tearuinte. Gaisg. Ach o’n a tha sinn a’ labhairt uime sin, guidheam ort, leig dhomh do bharail uime a chluintinn. Tha cuid a’ cuir an teagamh nach aithnich sinn a chéile san ath-shaoghal. Mis. Am bheil fiuthair aca gun aithnich iad iad fein, no gum bi aiteas orra r’ an sonus fein? Agus ma tha fiuthair aca gum bi chùis mar sin, c’ arson nach aithnich iad muinntir eile, agus nach dean iad gairdeachas nan sonus? A rithist, o ’n a tha dàimhich ro ionmhuinn leinn, ged a chuir am bàs ceangal na daimh sin fa sgaoil, c’arson nach faodar a smaoineacha gu cothromach, gur annsa leinn am faicinn san àite shona sin, no gun iad a bhi ann? Gaisg. Tha mi tuigsinn do bharail mu’n chùis so. A bheil tuille agad ri fheòraich mu thùs mo thuruis-se! Mis. Tha sin agam; An robh t-athair agus do mhàthair deonach thu dhol ann? Gaisg. Cha robh idir! b’ àill leo gach impidh a chuir orm gu fuireach aig an tigh. Mis. Ciod a bh’ aca ri ràdh na aghaidh? Gaisg. Thuirt iad nach robh ann ach caithe-beatha nach b’ fhin; agus m’ur bithinn fein gu leisg lunndach, nach miannaichinn am feasd a leithid. Mis. Agus ciod tuille a thuirt iad? Gaisg. Thuirt iad nach robh ann ach doigh chunnartach; gur i ’n t-slighe air a bheil luchd-cuairt ag imeachd an t-slighe is dosguinnich air domhan. Mis. An do nochd iad duit cia ann a bha ’n cunnart a’ co’-sheasamh? Gaisg. Nochd iad air ioma doigh. Mis. Ainmich cuid diubh. Gaisg. Dh’ innis iad domh mu shlochd na Mi-mhisnich, far an do h-eab Criosduidh a bhi tachdta. Dh’ innis iad domh gun robh luchd-tilge shaighead nan uidheam ann an dùn Bheelsebub, a thilge gach neach a bhuaileadh [TD 263] aig a gheata chumhang, a dh’ aslucha dol a steach. Dh’ innis iad fòs domh mu’n choillidh, mu na sléibhtean dorcha, mu Bhruthach-na-h-éigin, mu na leomhainn, agus mu na famhairean. A bharr air sin thuirt iad gun robh droch-spiorad a’ tadhall gleann na h-Irioslachd, agus nach mòr nach d-thug e buaidh air Criosduidh. Os barr, thuirt iad gum b’ eigin domh dol troi ghleann sgàil a bhàis, far a’ bheil na h-ùrraisgean, far a’ bheil an solus na dhorchadas, far a’ bheil an t-slighe làn shlochd, stachd, agus amhainean, far a’ bheil ioma rioba agus ceap-tuislidh. Dh’innis iad fòs domh mu fhamhair-gun-dòchas, mu dhaighneach-an-teagamh, agus mu’n sgiorradh a bha teachd air luchd-cuairt ann. A bharr air sin, thuirt iad gum b’ eigin domh dol tre thalamh na drùigheachd, a bha ro-chunnartach. Agus an déigh gach ni dhiubh so, gun tachradh abhuinn orm, gun aon drochaid, a bha eadar mi agus am baile nèamhuidh. Mis. Am b’e sin an t-iomlan? Gaisg. Cha b’e; thuirt iad rium gun robh an rathad so làn de chealgoiribh, agus de dhaoin’ a bha ri foill-fheitheamh chum daoine math a chuir air seacharan. Mis. Ach cionnas a rinn iad sin a mach? Gaisg. Dh’ innis iad domh gun robh Gliocas-saoghalta ri foill-fholach chum daoin’ a mhealladh. Thuirt iad mar an ceudna gun robh Riaghailteach agus Cealgoireachd do ghnà air an t-slighe. Thuirt iad fòs, gun tuga Cealgach, Bruidhneach, no Demas, teann oirp air mo ghlacadh: gu’n glacadh an sodalaich mi na lion, no gum falbhainn le ceann gun tùr Aineolach gu h-ann-dànadh chum geata fhlaitheis, a chaidh a chuir air ais chum an doruis a bh’air slios na leachduinn, ’sa chaidh chuir air an fhrith-rathad do dh’ ifrinn. Mis. ’S meallta mi mur bu leoir sin a thoirt mi-mhisneach dhuit, ach an do sguir iad a nis? Gaisg. Cha do sguir idir; dh’ innis iad domh mu ioma neach a thug o shean oirp air an dòigh ud, sa lean fad air a tòir, a dh’ fheuch am faigheadh iad a mach a bheag de’n t-sonus mun deachaidh na h-urrad a labhuirt o àm gu h-àm; agus mar thainig iad air an ais mar dh’ fhalbh iad, a’ deanamh amadain diubh fein, a chionn gu’n d’ [TD 264] fhalbh iad air an turus, gun iad a bhuanachadh ann. Dh’ainmich iad daoine rinn sin, mar bha Ceann-laidir agus Socharach, A-earbs agus Cion-cruadail, Pill-air-ais, agus Fear-àicheadh-Dhe, le iomad neach eile, a chaidh fad a dh’ fhaicinn ciod a gheibheadh iad; ach nach d’ fhuair a h-aon diubh a bheag an co’-lorg an dragha. Mis. An dubhairr iad a bheag tuille chum mi-mhisneach a thoirt duit? Gaisg. ’Siad a thuirt; labhair iad mu fhear da’ m b’ ainm Eagallach, a dh’ fhalbh air a thurus; agus mar mhothaich e’n t-slighe co aonaranach ’s nach robh uair shubhach no shòlasach aige fad a thuruis: Mar an ceudna gun do mhithir Trom-inntinneach dol bàs le gorta; seadh agus ni eile h-eab mi dhi-chuimhneachadh, mu Chriosduidh fein, ge bu mhòr a bhòilich a bh’ air daoine mu na rinn e, chum crùn nèamhuidh fhaotuinn, gun deachaidh gun ag a chall air an Abhuinn duibh, agus nach deachaidh e ni b’ fhaide: ach cha’n aidicheadh iad a chuid so de’n naigheachd. Mis. Agus nach d-thug a h-aon de na nithibh sin feachd asad? Gaisg. Cha d-thug; chuir mi suarach an t-iomlan diubh. Mis. Cionnas a thachair sin? Gaisg. Chreid mi gum bi ’n fhìrinn a dh’ innis Fìrinneach, agus thug sin buaidh orr’ uile. Mis. Thug do chreidimh buaidh ma ta. Gaisg. Thug gu deimhin; chreid mi; uime sin dh’ fhalbh mi, dh’ imich mi air an t-slighe, chog mi ris gach neach a chuir iad fein am aghaidh, agus sann tre chreidimh a thainig mi ’n fheadh so. M’an àm so thainig iad chum fearann na drùigheachd, far am minig an d’ fhàs daoine trom neo-shunndach; agus bha ’n t-ionad uile lan dris agus droighnich, ach ann an còrr àite gun robh tighean sìth ann, agus nan suidheadh no na’n coidleadh duin annta, tha e air a ràdh, nach éireadh agus nach dùisgeadh e suas tuille sa bheatha so. Dh’ imich iad ma ta troi’n choillidh so, agus rinn Misneachail an t-iùil doibh; agus dh’ imich Gaisgeil-arson-na-firinn nan déigh, na chùl-fhreiceadan, an t-eagal gun d-thugadh [TD 265] droch-spiorad, dràgon, famhair, no meirleach ionnsuidh orra. Chaidh gach fear air aghaidh san àite so le chlaidheamh tairngte na laimh; oir bha iad fiosrach gum b’àite cunnartach e. Chum iad suas misneach a chéile, co math ’s a dh’ fhaod iad; agus thug Misneachail air Inntinn-lag a bhi ’n taic a shàlach, agus bha Trom-inntinneach air cùram Ghaisgeil. Ach cha deachaidh iad ach goirid ’n uair a thuit dall cheò m’an timchioll uile, ionnas gur gann a chitheadh iad a chéile; air chor ’s gum b’ éigin doibh a chéil fhaotainn a mach le cainnt, oir cha robh iad a’g imeachd le bhi faicinn. Ach faodaidh aon a shaoilsinn nach robh so ach cearr do’n chuid bu treubhaiche dhiubh, gu h-àraidh do na mnathan agus do’n chloinn, nach robh ach maoth an da chuid nan cosaibh agus nan cridhe. Gidheadh le prosnuchadh sgairtail agus caomh earail am fir-iùil, agus a chùl-fhreiceadain a bh’ air an déigh, thainig iad gu oirpeach air an aghaidh. Bha ’n t-sligbe san àite so anabharra docair agus trom le làthaich agus le salachar. Cha robh air fad an fhearainn so tigh-òsda sam bith far am faigheadh iad aon ni bha dh’ uireasbhuidh orra, chum càil na muinntir bu laige a neartuchadh. An so ma ta bha ùinich, àinich, agus osnaich; am feadh a bha aon a’ tuiteam th’ar pris, bha aon eile a ’stailceadh san làthaich, an uair bha chlann a’ call am bròg san eabar. Am feadh a glaodhadh aon, tha mis am shìneadh, theireadh aon eile, O! c’àit a’bheil sibh? theireadh an treas aon gun robh e’n sàs ann am preas, air chor ’s gur gann a b’ urra dha teachd as. Thainig iad an sin chum sìth-bhruth, a bha blà taitneach, a’ furan ùrachadh agus beothachadh mòr do dh’ oilthirich shàruichte mar bha iadsan; oir bha e gu ro ghasta na uidheam, leis gach ni goireasach. Bha uiridh bhog thlà ann, far am faodadh an t-airsneulach a shìneadh. Le cor nan oilthireach a thoirt fainear, shaoileadh tu gun robh so na chulaidh bhuairidh a bha mòr; oir bha na fhuair iad a dh’ allaban air an sàruchadh; ach cha d-thug iad aon oirp air stad san àite so. ’S ann a thug iad géill cho math do dh’ iartuis an fhir-iuil, agus shoilleirich e-san an cunnart [TD 266] doibh co riaghailteach, ’s gur ann an uair bu dlùithe dhoibh iad, bu mhisneachail a sheachnadh iad iad, agus a mholadh iad ga chéile ana-miann na feol’ àicheadh. B’e ainm an t-sìth-bhruth so, Caraid-an-dearmaidich, chum, nam bu chomasach e, gum faoidte cuid de’n luch-cuairt a thàladh a stigh ann, ’n uair a bhiodh iad gu fann sgìth. Chunnaic mi ’n sin am aisling, gun d’imich iad air an aghaidh ’s an fhearann aonaranach so, gus an d-thainig iad ionad sam bheil duine ullamh gu rathad a chall. Ged a bha’m fear-iùil lan eolach air an t-slighe ri solus an latha, gidheadh fhuair e a shàruchadh san oi’che. Ach bha aige na chuideachd riaghailt-iùil air gach slighe a bha dol a chum, agus a’ teachd o’n bhaile nèamhuidh; uime sin bheothaich e teine, oir bha acfuinn-thein a ghnà air a ghiulan, agus dh’ amhairc e air a riaghailt-iùil, leis an do thuig e gum b’ fheumail da gabhail chum na laimhe deise. Agus mar biodh e cùramach san àite so, dh’ fhaodadh iad bhi air an call san làthaich; oir bha dìreach beagan rompa slochd anabharra domhain, a chaidh a chladhachadh a dh’aon-obair a chuir as de na h-oilthirich. Smaoinich mi’n sin nach b’ iomchuidh do neach sam bith falbh air a thurus gun riaghailt mar sud a bhi aige, chum gun sealladh e air an uair a bhiodh e’n cunnart dol am mearachd. Chaidh iad air an aghaidh mar so am fearann na drùigheachd, gus an d-thainig iad far an robh sìth-bhruth eile, a bha ri taobh na slighe. Bha dithis dhaoine nan sìneadh ann, d’am b’ainm, Cion-faicill, agus Ro-dhàna. Thainig an dithis ud an fhad so air an turus; ach air dhoibh bhi sgìth shuidh iad sios, agus thuit iad nan codal. An uair a chunnaic Misneachail ’s a chuideachd iad, sheas iad, agus bu truagh leo iad; oir thuig iad gum bu chunnartach an cor. Smaoinich iad ciod a dheanadh iad, cò ac’ a b’ fhearr dhoibh gabhail seachad, gun ghnothach a ghabhail riu, no dol agus oirp a thoirt air an dùsgadh. Shonraich iad dol d’an ionnsuidh, chum am mosgladh suas, nam bu chomasach e; ach gun tugadh iad an ro aire nach suidheadh iad fein. [TD 267] Chaidh iad far an robh na daoine, agus labhair iad riu air an aimn, oir dh’ aithnich am fear-iùil iad, ach cha d-thug iad freagradh dhoibh. An sin chrath agus spìon am fear-iùl iad, agus rinn e na dh’ fhaod e chum an dùsgadh. An sin thuirt fear dhiubh, Bheir mi dìoladh dhuit ’n uair a gheibh mi airgiod; ris an do chrath am fear iùil a cheann. Cha sguir mi an fhad ’s a theid agam air mo chlaidheamh a chumail am laimh, thuirt am fear eile. Le sin a chluintinn rinn fear de’n chloinn gàire. An sin thuirt a Bhana-chriosduidh, ciod is ciall da so? Thuirt am fear-iùil, Gun robh iad a’ cainnt ’nan codal. Ged a bhuail thu iad, no ge b’e ni a ni thu orra, ’s ann air an doigh so a fhreagras iad thu: no mar thuirt fear dhiubh fein roimhe so, an uair a bha tuinn na fairge ga bhualadh, ’s a bha e na chodal, mar gum b’ann, am barr a chroinn. An uair a mhosglas mi iarruidh mi a rìs e. Tha fios agaibh ’nuair labhras daoine nan codal, gur coma leo ciod a their iad; agus nach ’eil na labhras iad air a riaghailteacha le creidimh no le riasun. ’Se so rosad na cùise, ’n uair a theid muinntir neo-churamach air thurus, ’s math an rath dhoibh mar ann mar so a dh’ éireas doibh. Oir ’se fearann so na drùigheachd aon de na h-oirpibh mu dheire bheir nàmhuid nan oilthireach orra, uime sin tha e goirid o cheann na slighe, chum ’n uair bhios daoine gu h-airsneulach sgìth, gur dòch iad a ghabhail fois ann. ’S ann air a shon sin a tha fearann so na drùigheaehd cho dlù air tìr Bheulaih, agus co fagus air crìch ar cuairt. Air an aobhar sin, thugadh luchd-cuairt an aire dhoibh sin, a thuit nan codal, agus nach gabh dùsgadh. An sin dh’ asluich an luchd-turuis gun rachadh iad air an aghaidh, agus am fàgail; agus gun lasadh e dhoibh solus chum gum bu leur dhoibh air a chuid eile de’n t-slighe, 2 Pead. iv. 19. Rinn e mar sin agus bha solus aca re a chuid eile de’n t-slighe, ged a bha dorchadas mòr ann. Ach thòisich a chlann ri bhi ro sgìth; agus dh’ éigh iad ris-san leis an ionmhuinn luchd-cuairt, an t-slighe a dheanamh ni bu shocraiche dhoibh. Agus air dhoibh dol tamull beag air an aghaidh, dh’ éirich gaoth a sgap an ceò, ionnas gun robh e ni bu shoilleireadh. [TD 268] Gidheadh cha robh iad fhathast a fearann na drùigheachd, ach a mhain gum bu leur dhoibh an taobh a ghabhadh iad ni b’ fhearr. An uair a bha iad dlù air bhi as an fhearann so, chual iad rompa torman o neach a bha ann an iomaguin. Agus an uair a thainig iad far an robh e, chunnaic iad fear air a dhà ghlùn, le lamhaibh agus a shùilibh togta suas, is e, air leo, a’ labhairt gu dùrachdach ri aon a bha os a cheann. Thainig iad dlù dha, ach cha robh iad a’ tuigsinn ciod a bha e ’g ràdh; agus rinn iad air an sòcair gus an robh e na thosd. An uair a sguir e, dh’ éirich e, agus thòisich e ri ruidh chum a bhaile neamhuidh. An sin ghlaodh Misneachail ris e dheanamh moille bheag, gus am biodh iadsan leis, m’as ann a bha e air a thurus chum a bhaile nèamhuidh. Le so a chluintinn stad e, agus thainig iad far an robh e. Co luath ’s a chunnaic Ionraic e, thuirt e, ’s aithne dhomhs’ an duine so. An sin thuirt Gaisgeil, cò e? Is e a h-ann fear a thainig as a choimhearsnachd as an d-thainig mise, ’s e ainm Bi-gramail; is deagh fhear-cuairt e. Mar so thainig iad an gara da chéile; agus thuirt Bi-gramail ri sean Ionraic, Ho, athair Ionraic, am bheil thus an sin? Tha mi, a deir e, co cinnteach ’s a tha thus’ an sin: ’S buidheach mi dheth, thuirt Bi-gramail, a chionn mi t-fhaotainn air an t-slighe so. Tha mis, a deir am fear eile, co toilichte gum faca mi air do ghlùinibh thusa. An sin thainig rughadh an aodann Bhi-gramail, agus thuirt e, Ach am faca tusa mi? Chunnaic mi, ars am fear eile, agus bha aiteas orm ga chionn. C’arson, ciod a smaoinich thu? thuirt Bi-gramail. Ciod a smaoinich mi! a deir sean Ionraic, ciod bu chòir dhomh a smaoineachadh? Air leam gun d’ amuis duine còir oirn air an t-slighe, agus gu’m biodh a dheagh chuideachd againn air ar turus. Is toilichte bhitheas mise m’ar mothaich thu bhi air do mhealladh ’s a bharail a th’ agad umam. Tha t-eagal na dheagh mhanadh leam ort, gu bheil a chùis gu math eadar t-anam agus Ceann-feadhnadh an luchd-cuairt; oir thuirt e, Is beannuicht e-san air am bi gnà eagal. Gaisg. A nis a bhràthair, innis duinn an cionfath m’an robh thu san àm so air do ghlùinibh? An ann a bha e [TD 269] arson sochairean sònruicht a bhuilicheadh ort, no nach ann? Bi. Tha sinn, mar tha fios agaibh, san àm air fearann na drùigheachd; agus am feadh a bha mi teachd air m’ aghaidh, bha mi meòraich rium fein mu chunnart an àite so, agus air a choilion fear a thainig an fhad so air an deachaidh stad, agus an sgrios san àite so. Bha mi mar an ceudna a’ smaoineacheadh air a ghné bhàis a bha cuir as de dhaoin’ anns àite. Cha’n’eil iadsan a gheibh am bàs san àite so, air am bualadh le aon ghalar buaireasach; cha mhò tha e an aghaidh an toile; oir tionnsgnaidh e-san a theid a dhì na chodal air an turus le miann agus taitneachd. Ion. Am faca tu’n dithis daoin a bha ’n an codal san t-sìth bhruth? Bi. Chunnaic mi, Cion-faicill agus Ro-dhàna, an sin, agus a thaobh aon ni is aithne dhomhsa, luidhidh iad an sin gus an lobh iad. Gnàth. x. 7. Ach mar bha mi ’g ràdh; air dhomh a bhi mar sud a’ meòraich, thachair boirionnach an roghadh uidheam orm, a bh’ air cruadhacha gu math an aois, a thairg dhomh tri nithe, ’se sin, i fein, a maoin, agus a leabadh. A nis bha mi san àm gu h-airsneulach tròm: bha mi fòs ro uireas’ui’each, agus theagamh gun do thuig a chré gun nàiire sin. Chuir mi cùl rithe uair no dhà; ach chuir i mo dhearmad air faoineachd, agus rinn i gàire. An sin thòisich mi ri mìothlachd a ghabhuil, ach cha robh umhaill aice dheth sin. An sin thug i tairgs’ eile dhomh, agus thuirt i rium nan aontaichinn leatha, gun deanadh i mi gu sona saibhir; oir ’s leamsa, thuirt i, an domhan uile, agus is mis a tha fàgail dhaoine sonadh. An sin dh’ fheoraich mi a h-ainm agus thuirt i gum b’e Faoineachd a h-ainm. Mheudaich so m’ fhuath dhith; ach bha i ga sìor fhuran orm. An sin chaidh mi air mo dha ghlùn, agus le m’ lamhaibh togta ri nèamh, rinn mi ùrnuigh ris-san a gheall mo chòmhnadh. Agus dìreach mar bha sibhs a’ teachd far an robh mi, dh’ fhàg màltag mi: an sin bhuanaich mi air toirt buidheachais arson mo shaoraidh, oir ’s cinnteach nach ann o aon rùn math a rinn i e; ach a chum mo mhearalladh air mo thurus. [TD 270] Ion. Cha’n’eil teagamh sam bith nach robh a rùn gu h-olc. Ach o’n a chuir thu am chuimhne e, air leam gum faca, no gun do leugh mi uimpe ann an àit eigin. Bi. Theagamh gun do thachair an da chuid. Ion. Faoineachd! nach ’eil i na boirionnach mòr eireachdail, rud-eigin dorcha sa chraicionn? Bi. Tha i, dìreach mar thuirt thu. Ion. Nach labhair i gu ciùin, agus nach criochnaich i gach focal le fèth-ghàire? Bi. Ni i sin cuideachd: ’S e sin dìreach a gnàth. Ion. Nach ’eil i caitheadh sporan mòr r’a taobh? agus a lamh gu tric ann, a’ laimhseachadh a cuid airgid, mar gum b’e sin miann a cridhe? Bi. Tha gu deimhin: ged a bhiodh i na seasamh fa d’ chomhair cha b’ urrra dhuit a h-eugas innse ni bu riochdaile. Ion. ’S cinnteach ma ta gun robh am fear a tharraing a dealbh na dheagh fhear-ceairde, agus gum b’fhior na chaidh a sgriobhadh uimpe. Mis. Is ban-fhiosaich am boirionnach ud; agus is ann tre chumhachd a drùigheachd a tha ’n talamh so fo gheasibh: Ge b’e leagadh a cheann air a h-uchd, bu cho math dha a chuir air sorachan aig am biodh tuadh an crochadh os a cheann; agus tha e-san a bheir spéis da h-eireachdas air a mheas na nàmhuid aig Dia. ’Si so an te’ a tha cumail gu greadhnach gach nàmhuid a th’ aig na h-oilthirich. Seum. iv. 1. V. 1. Eoin. ii. 15. Seadh, ’s i so a thug air ioma fear-cuairt cùl a chuir r’a thurus. Tha i ro fhuranach. Tha i fein agus a cuid nighean an gnà thòir air fear no fear-eigin de na h-oilthirich, a sìor mholadh a caithe-beatha dhoibh. Tha i gu dàna beag-nàrach; agus labhraidh i ri fear sam bith. Ni i fanoid air oilthirich bhochda, ach molaidh i iadsan a tha saibhir; ma bhios do sheoltachd aig fear na gheibh airgiod ann an àite, labhruidh i gu math uime o thigh gu tigh. Is toigh leatha cuirm shòghail, agus bithidh i gu minig am measg na buidheann ghreadhnaich. Tha i an còrr àit’ a’ cuir am fiachaibh gur bann-dia i, agus tha cuid a toirt aoraidh dhi. Tha àm, agus ionad àraidh aice chum a ceilg a ghnàthachadh; agus their i gu beag-narach, nach ’eil ni air bith an coimeas ris [TD 271] na tha is’ a’ tairgse. Geallaidh i gun gabh i còmhnuidh le clann na cloinne, m’as ionmhuinn leo i. Sgaoilidh i òr mar dhuslach as a sporan, an córr àite, agus do mhuinntir àraidh. Is caomh leatha bhi ’n tòir orra, labhuirt gu math uimpe, agus a bhi’n caidreamh dhaoine. Tha i déigheil air bhi moladh a bathair; agus ’s iadsan leis an caomh i is toighiche leatha. Geallaidh i crùin agus rioghachdan, ma ghabhas iad a comhairle; gidheadh ’s ioma fear a thug i chum na croiche, agus a dheich mìle urrad chum ifrinn. Bi. Och! nach bu mhath dhomhsa gun do chuir mi cùl rithe! no cha’n’eil fhios c’ àit an d-thugadh i mi? Mis. ’S ann aig Dia a mhàin a tha fios air a sin: ach cha’n’eil teagamh nach claonadh i thu gu iomad ana-miann cronail, a tha tarraing leir-sgrios air daoinibh. Is ise a chuir Absalom an aghaidh athar, agus Ieroboam an aghaidh a mhaighstir. Is ise bu chionfath air Iudas a reic a Thighearna; agus a thug air Demas beatha dhiadhaidh an oilthirich a thréigsinn: Cha’n’eil aon neach nan urrainn trian da h-olc innse: tha i cuir eadar uachdarain agus iochdrain, eadar pàrandan agus clann, eadar choimhearsnaich, eadar fear pòsd agus a bhean, eadar duine agus e fein, agus eadar feoil agus spiorad. Air an aobhar sin a dheagh Bhi-gramail, bi a réir t-ainm, ’s an uair a ni thu ’n t-iomlan, bi-gramail. Le so a chluintinn bha càileigin de ghairdeachas agus de dh’ eagal a’ measg an luchd-thuruis. An diaigh so chunnaic mi gun d’thainig iad a steach do thìr Bheulaih, far a bheil a ghrian a’ dealradh a là agus adh’ oi’che. An so, a chionn gun robh iad sgìth, ghabh iad fois re seal. ’Sa chionn gun robh co’-chòir aig oilthirich air an tìr so, agus gum bu le Righ nam flaitheas na liosan-meas agus na fion-liosan a bha ’n so, bha comas acasan na dh’feumadh iad a ghabhail asda. Ach rinn beagan ùine an ath-bheothachadh san àite so; oir bha na cluig agus na trompadean a sior sheinn co binn, ’s nach faigheadh iad codal, gidheadh bha iad air an ath-bheothacha co math ’s ged fhaigheadh iad codal sàmhach socair. ’Se bu ghnà chainnt dhoibh-san a bha ’g imeachd feadh na sràide, Gun robh tuille de luchd-cuairt air teachd do’n bhaile; agus fhreagradh aon eile, ag radh, Agus chaidh an urrad so dhiubh [TD 272] th’ ar an abhuinn, agus a steach air a gheatadh òir an diugh. Ghlaodhadh iad a rìs, tha cuideachda mhòr de na daoinibh dealrach air teachd do’n bhaile; leis a bheil sinn a’ tuigsinn gu bheil tuille de luchd-cuairt air an t-slighe; oir ’s ann a tha iad air teachd a fhrithealadh dhoibh, ’s a thoirt sòlais doibh an éirig an triobluid. An sin dh’éirich an luchd-turuis, agus dh’ imich iad a nunn agus a nall: Ach sann a bha a nis taisbeana neamhuidh a ghnà nam fradharc! Cha do mhothaich iad a bheag san tìr so, a bha mi-thaitneach dhoibh r’a chluintinn, r’a fhaicinn, r’a laimhseachadh, no r’a bhlasad; ach a mhain gur e air leo gun robh uisge na h-abhann a bha aca ri dol thairis orra rud-eigin searbh do’n bhlas, ach an uair a shluigeadh iad e bha e milis. Anns an àite so bha e sgriobhta ainm nan oilthireach a bh’ ann o shean, agus eachdruidh mu gach gniomh ainmeil a rinn iad. Bha e na lan iomradh san àite so, mar lionadh an abhuinn do chuid, ’sa thràigheadh i do chuid eile am feadh a bhiodh iad a’ dol thairis. ’S gann a mhothaich cuid deur innte, am feadh a bha i th’ar a bruaich aig daoin eile. ’S an àite so bha clann a bhaile cleachdta ri dol do liosaibh an Righ, agus plùireanan a thional do’n luchd-thuruis, agus an toirt doibh gu càirdeil: ann an so bha gach luibh chùbhraidh a’ fàs, an caineal, agus gach gnè de spìosraidh thaghta. Bha seòmraichean nan oilthireach ro chùbraidh leis na nithibh sin, am feadh a bha iad san àite so; agus bha an cuirp air an ùngadh leo an uair a bha iad ri triall th’ ar an abhuinn, ’n uair a thigeadh an t-àm òrduichte. ’S am feadh a bha iad san ionad so, thainig teachdaire o’n bhaile nèamhaidh le teachdaireachd chudthromach a dh’ ionnsuidh na Bana-chriosduidh, bean Chriosduidh an t-oilthireach. Chaidh a h-iarruidh a mach, agus an uair a fhuaradh i, thug an teachdaire litir dhith, air an robh sgrìobhta, “Fàilt ort a dheagh bhoirionnaich! tha mi toirt sgeul a d-ionnsuidh gu bheil am Maighstir ged ghairm; agus tha fiuthair aige gun seasamh thu na làthair, sgeudaichte le neo-bhàsmhoireachd, fo cheann dheich làithean” An uair a leugh e an litir so dhith thug e comharradh [TD 273] riochdail gum bu theachdaire cinnteach e, a thainig a dh’ iarruidh orra cabhag a dheanamh. B’e’n comharradh a thug e dhith, saighead air a rannadh le gaol, a chaidh gu réidh chum a cridhe, a dh’ oibrich orra co drùighteach, ’s gun robh i deonach falbh ’n uair thainig an t-àm. An uair a thuig a Bhana-chriosduidh gun robh an t-àm air teachd, ’s gur i a bha gu tùs an rathaid a ghabhail air na bha na cuideachd, chuir i fios air Misneachail, am fear-iuil, agus dh’innis i dha mar bha chùis. Thuirt e rithe gum bu mhath leis a chluintinn, agus gum b’ ait leis nam b’e fein a gheibheadh an cuire. An sin dh’ asluich i air gun òrduicheadh e gach ni a chuir na uidheam a bha feumail fa chomhair a turuis. Dh’ innis e dhith gur ann mar so a b’ eigin a dheanamh; agus gun rachadh iadsan a bhiodh na déigh ga comhaideachd gu taobh na h-aibhne. Chuir i’n sin fios air a cloinn, agus thug i dhoibh a beannachd, agus dh’ innis i dhoibh, gun do leugh i le taitneachd an comhar a chuireadh air clàr an aoduinn; gun robh i toilichte iad a bhi maille rithe san àite sin, agus gun do choimhead iad an trusgain co glan. Fadheòidh, rinn i do na feumaich am beagan bh’ aice; agus thug i àithne da mic agus d’an cuid ban iad a bhi deas ga b’e uair a thige cuireadh gan iarruidh. An uair a labhair i air a mhodh so r’a fear-iùil agus r’a cloinn, chuir i fios air Gaisgeil, agus thuirt i ris. Dhearbh thusa anns gach àit a bhi ’d dhuine, bi dìleas gu bàs, agus bheir mo Righ dhuit crùn glòire. Ghuidhinn ort mar an ceudna sùil a thoirt air mo chuid cloinne; agus ma chi thu iad uair air bith ullamh gu fàillneachadh, labhair gu càirdeil riu, chum am brosnuchadh. Ach thug i fàinne do Bhi-gramail. An sin chuir i fios air Ionraic, agus thuirt i ris, Feuch Israeleach da rireadh, anns nach ’eil cealg. An sin fhreagair e i ag ràdh, Guidheam deagh latha dhuit an uair a dh’ imicheas tu chum Beinn Shioin, agus ’s math leam gum faigh thu tioram th’ ar an abhainn. Ach thuirt ise, Fliuch no tioram gam bi mi ’s fada leam gus am falbh mi; oir ge b’e sìd * a gheibh mi air mo thurus, bithidh cothrom agam na dhéigh sin air mi fhein a thiormachadh. * Aimsir. [TD 274] An sin thainig Ullamh-gu-stad a stigh ga faicinn; agus thuirt i ris. ’S ann le spairn agus mòr shaothair a bha do thurus an fheadh so; ach fàgaidh sin do shuaimhneas ni’s taitniche. Ach dean faire agus bi deas; oir cha’n aithne dhuit an t-àm san d-thig an teachdaire. An déigh sin thainig Trom-inntinneach, agus a nighean, ris an dubhairt i, ’s taingeil is ion duibh a bhith arson ar saorsadh a laimh Famhair-gun-dòchas, agus o Dhaighneach-an-teagamh. ’S e toradh na tròcair so, gu bheil sibh le chéile gu tèaruint air ur toirt an fhad so. Bithibh do ghnà ri faire, a’ cuir eagail o’r cùl; bithibh suidhichte, le dòchas gus an tig a chrìch. An sin thuirt i ri Inntinn-lag, Chaidh do shaoradh a beul an Fhamhair, chum gum biodh tu beo gu siorruidh, a dh’fhaicinn an Righ, le toil-inntinn; chomhairlichinn duit aithreachas a ghabhail a thu bhi co ullamh gu eagal a bhi ort, agus an-earbs’ a mhaitheas, m’an cuir e fios ort: an t-eagal gur eigin duit, arson sin, seasamh na lathair le naire, ’n uair a thig e. A nis ’n uair a thainig an là a bha Bhana-chriosduidh ri triall air a turus, bha’n t-slighe làn sluaigh chum a faicinn. Agus féuch! bha air taobh thall na h-abhunn àireamh mhòr de dh’ eachaibh agus a charbaidibh, a thainig a nuas chum a coimheadachd gu geatadh a bhaile. Mar so thainig i mach, agus dh’ inndrinn i stigh san abhuinn, a’ gabhail beannachd leis a mhuinntir a thainig leatha chum taobh na h-aibhne. B’ iad na focail ma dheire chualas i labhairt, Tha mi teachd, a Thighearna, gu bhi maille ruit, agus chum do bheannuchadh. Le sin fhaicinn, phill a clann agus a càirdean air an ais do’n ionad as an d’fhalbh iad an là sin; agus chaidh a Bhana-chriosduidh iomachar suas as am fradharc leo-san a thainig ga h-iarraidh. Rinn i guth aig a gheatadh, agus chaidh i steach ann, leis gach rìomhadh agus greadhnachas a chaidh a dheanamh ga fear roimhe so. An uair a chaidh i as am fradharc, ghuil a clann: Ach sheinn Misneachail, agus Gaisgeil-as-leth-na-firinn, air inneil chiùil air dheagh ghleusadh a’ deanamh gàirdeachais. Agus phill iad dachaidh. An ceann ùine bheag, thainig teachdaire eile chum a [TD 275] bhaile, agus b’ ann ri Ullamh-gu-stad a bha ghnothach. Dh’iarr e, gus an d’fhuair e mach e, agus thuirt e ris, Tha mis air teachd an ainm na Ti a ghràdhaich agus air an robh thu’n tòir, ged is ann air na luirg a bha thu: Agus ’s e mo ghnothach riut, a dh innse dhuit gu bheil fiuthair aige gu’n gabh thu do shuipeir leis na rioghachd an là an déigh latha Càisge; uime sin dean thu fein deas fa chomhair do thuruis. Thug e mar an ceudna dha comharra gum bu theachdaire fior e, ag ràdh, Bhris mi an cupan òir, agus dh’fhuasgail mi an snàthain airgid. An deigh so ghairm Ullamh-gu-stad air a cho’-luchd-turuis; agus dh’ innis e dhoibh gun d-thainig fios air-san, agus nach robh teagamh nach fiosraicheadh Dia iad-san mar ceudna. Dh’ asluich e air Gaisgeil gun deanadh e a thiomnadh; ’sa chionn nach robh a bheag aige ri fhàgail ach a chuid lorg, agus a dhùrachd, uime sin thuirt e, Fàgaidh mi na luirg aig mo mhac a ni mar rinn mise, le m’ dheagh dhùrachd gum bi e ni’s fearr na bha mise. An sin thug e buidheachas do Mhisneachail, arson a chaoimhneis, agus theann e a mach air a thurus. ’San uair a thainig e chum taobh na h-aibhne, thuirt e, cha bhi tuille feum agam air na luirg sin, or tha mi faicinn gu bheil carabaid agus eich an sud chum m’ iomchar. B’ iad na focail mu dheire chualas e ag ràdh, Is taitneach dhomhsa beatha: Agus dh’ fhalbh e. An diaigh so thainig teachdoireachd a dh’ ionnsuidh Inntinn-lag, a thuirt ris, gun robh feum aig a mhaightir air; agus an ùine ghearr gum faiceadh e a ghnùis ann an soillse; agus e ghabhail so mar chomharradh gur i’n fhirinn a chan e; Gum biodh iadsan a bha ’g amharc a mach air na h-uineagaibh air fàs dorcha. An sin chuir Inntinn-lag fios air a chàirdibh, agus dh’ innis e dhoibh an teachdoireachd a fhuair e, agus an comharradh a thugadh dha gum bi’n fhìrinn a bh’ann. An sin thuirt e, o nach ’eil a bheag agam ri fhàgail, ciod am feum a tha dhomh tiomnadh a dheanamh? Fàgaidh mi m’ inntinn-lag as mo dhéigh, oir cha bhi feum agam oirre an taobh a tha mi dol; cha mhò is fìu i a buileachadh air an fhear-chuairt is ro thruaighe. Uime sin tha mi guidhe [TD 276] orts’, a Ghaisgeil, gun cuir thu fodha i ann an dùn-aolaich. Le so a dheanamh, agus air de’n àm teachd a bha e ri triall, chaidh e mach air an abhuinn mar rinn càch: B’i a chainnt dheireannach, Buanaicheadh creidimh agus foighidinn. Mar so fhuair e chum an taobh eile. An déigh sin thainig fios air Trom-inntinneach, a thuirt ris, Gun robh iartus aige bhi deas chum bhi maille ris an Righ air an ath-dhòmhnach, chum gàir a dheanamh le h-aoibhneas, arson gun deach a shaoradh o gach teagamh anns an robh e. ’S a chum gun tuig thu gur i ’n fhìrinn a chan mi, gabh so mar dhearbhadh; agus thug e an leumnach-uaine mar eallaich dha. Thuirt a nighean, Geilt, ’nuair a chual i mar bha, gum falbhadh ise maille r’a h-athair. An sin thuirt a h athair riu, gun robh iad uile fiosrach co draghail ’sa bha e fein, agus a nighean do gach comunn gam buineadh iad. ’S e nis ar toil nach bi ar trumadas agus ar n-eagail thràilleil air am buileachadh air aon duine gu siorruidh: Oir tha mi fiosrach gum furain iad iad fein air cuid-eigin an déigh mo bhàis. Is aoidhean iad gan tug sinne caidreamh ’n uair a theann sinn an tùs ri falbh air ar turus, agus cha b’ urrainn duinn tuille an cuibhteachadh, uime sin tha sinn a nis ag asluchadh nach d-thoir neach sam bith caidreamh dhoibh. An uair a thainig an t-àm dhoibh bhi triall, ràinig iad bruach na h-aibhne; agus b’i cainnt dheireannach, Throm-inntinneach, Beannachd leat oi’che. ’S e do bheatha a latha. Chaidh a nighean troi’n abhuinn a’ gabhail òrain, ach dh’ fhartluich air neach sam bith a tuigsinn. An déigh sin thainig teachdoir a dh’ iarruidh Ionraic; agus liuthair e’n teachdoireachd dha anns na briathraibh so, Gun robh òrdugh aige air cheann seachduin o’n diugh, e fein a nochdadh am fianuis a Thighearna, aig tigh Athar. ’S mar dhearbha gur i’n fhìrinn a th’agam, ìslichear uile nigheanan a chiùil. An sin chuir Ionraic fios air a dhàimhich, agus thuirt e riu. Tha mis a’ dol eug, ach cha dean mi tiomnadh. Theid m’ ionracas maille rium: faigheadh e-san a thig am dhéigh fios air so. An uair a thainig an t-àm dha bhi triall, dh’ fhalbh e: ach bha ’n [TD 277] abhunn ro àrd an còrr àite; ach rinn Ionraic an am a bheatha suas ri deagh-choguis e ga choinneachadh san àite sin, ni mar an ceudna a rinn e, agus ghlac e a lamh, agus rinn e còmhnadh ris an am dol thairis. B’iad a bhriathra deireannach, Tha gràs a’ buadhachadh: Agus dh’ fhàg e’n saoghal so. An deigh so chualas gun d-thainig fios air Gaisgeil leis an teachdoire cheudna; gan deachaidh an comharra so a thoirt mar dhearbhadh gur i ’n fhìrinn a bh’ ann, Gun do bhriseadh a chuinneag aig an tobar. Ecles. xii. 6. An uair a chual e sin, chuir e fios air a chàirdean, agus dh’innis e dhoibh e. An sin thuirt e, tha mis a’ dol chum m’ Athar, agus ged is ann le strìgh agus mòr spairn a thainig mi air m’ aghaidh, gidheadh cha’n ’eil aithreachas orm as na rinn mi, a chionn gu bheil mi nis air teachd an fhad so. Tiomnaidh mi mo chlaidheamh dhasan a thig am dheigh air chuairt, mo ghaisge agus mo mhisneach dhàsan a bhios co seolta ’s gun dean e greim oirre. Bheir mi gach gearradh agus athailte leam, mar dhearbhadh gun do chog mi as a leth-san a bheir luigheachd dhomh. Air chionn an latha bha e gu triall a theachd, chaidh mòran leis chum taobh na h-abhunn, ’s an uair a chaidh e a steach innte, thuirt e, A bhàis c’ àit a bheil do ghath? ’S mar chaidh e ni bu doimhne, thuirt e, Uaigh, c’ àit a’ bheil do bhuaidh? Mar so chaidh e nunn, agus sheinn na trompaidean air a shon sin. An sin thainig iartus a dh’ iarruidh Bhi-gramail. B’e ’m Bi-gramail so am fear a fhuair an luchd-cuairt air a ghlùinibh am fearann na drùigheachd. B’e bladh an iartuis, Gum feumadh e a bheatha a chaochladh, a chionn gum bi toil a mhaighstir a thoirt ni bu dlùithe dha. Le so a chluintinn dh’ fhan Bi-gramail na thosd. Cha ruig thu leas teagamh a chuir am theachdaireachd, thuirt an teachdaire; oir mar chomharradh gur i ’n fhìrinn a chan mi, Tha do roth air a bhriseadh aig an tiobairt. Ecles. xii. 6. An sin chuir e fios air Misneachail, agus thuirt e ris, Ge nach robh mise co sona ’s a bhi fad ad chuideachd air mo thurus, gidheadh o thàr m’ eolas ort, bha thu feumail domh. An uair a dh’ fhàg mi mo thigh fein, dh’ fhàg mi bean agus cùignear de chloinn mhaoth; guidheam ort [TD 278] an uair a philleas tu, gun cuir thu fios air mo theaghlach, agus gun aithris thu dhoibh gach ni a thachair dhomhsa. Innis gun d-thainig mi gu buadhar a chum an àite so, agus an cor beannuichte sa bheil mi san àm. Innis doibh mar an ceudna mu Chriosduidh agus mu mhnaoi; agus mar thainig ise agus a clann na dhéigh. Innis doibh cuideachd a chrìoch shonadh chum an d-thainig i, agus an t-ionad àghmhor chum an deachaidh i. Cha ’n ’eil a bheag agam a chuireas mi dh’ ionnsuidh mo theaghlaich ach m’ ùrnuighean agus mo dheoir as an leth; agus theagamh trid gràs Dhe gun iompaich sin iad chum teachd air an turus cheudna. An uair a chuir e a ghnothaichean an òrdugh, ’s a thainig an t-àm air triall, chaidh e sìos chum na h-abhunn mar an ceudna. ’S an àm sin bha ’n t-uisge ro shàmhach; uime sin an uair a bha Bi-gramail mu leth na h-abhunn, sheas e re tamuill, a’ labhuirt r’a chairdibh a thainig ga chomhaideachd, ag ràdh, Bha ’n abhuinn so na h-aobhar eagail do mhòran; chuir i mar an ceudna iomad uair eagal orm fein: air leam gu bheil mi nis am sheasamh gu sochdair, agus mo dha chois gu diongmhalt air na clochaibh air an do sheas na sagairt, a bha ’giulan àirc a cho’-cheangail, an uair a bha clann Israel a’ dol thar an Iordan so. Tha ’n t-uisge gun amharus searbh do’n bhlas, agus fionnar do’n ghoile; ach tha bhi smaoineach air an àite tha mi ri ruigheachd, agus an luchd comhaideachd a gheibh mi taobh eile na h-abhunn, mar éibhl’ * bheo a beothachadh mo chridhe. Tha mi nis a’mothachadh gu bheil mi fogus air crìch mo chuairt; tha crioch air tighinn air ùinich na beatha so. Tha mi dol a dh’ fhaicinn a chinn sin a chaidh a chrùnadh le sgitheach, agus na gnùis air an deachaidh sile bréun a thilgeadh as mo leth-san. Chaith mi roi so mo bheatha le iomra agus creidimh; ach tha mi nis a’ dol far an caith mi mo bheatha le sealladh; agus bithidh mi maille ris an ti sin is caomh leam a bhi na chuideachd. * éibhleag. [TD 279] B’ ait leam iomra math a chluintinn mu’m Thriath, agus bu deoin leom mo chos a chuir an lorg a chois-san ga b’e àit am faicinn e. Bha ainm dhomh mar bholtrach ro chùbhraidh, ni’s mìllse na’n spìosraidh is ro thaitniche. Bha ghuth leam ro bhinn, agus bha ’m barrachd déigh agam air a ghnùis na tha aca-san a tha ’n ro gheall air solus na greine. Ghnàthaich mi a chainnt mar iocshlaint chum mo bheathachadh agus gu m’ choimhead o laigsinn. Chum e suas mi, agus choimhead e mi o m’ aingi’eachd! seadh neartuich e mo cheum na shlighe. ’S am feadh a bha e mar so a’ labhuirt, chaochail a ghnùis, ghéill a dhuine laidir fodha; ’s an déigh dha a ràdh, Gabh mi, oir thainig mi a’ d’ ionnsuidh, cha’n fhac iad tuille e. Ach bu ghlòrmhor fhaicinn mar bha ’n speur air a lìonadh le eachaibh agus le carbadaibh, agus leis gach seorsa luchd-ciùil, a dh’fhàilteacha beatha nan oilthireach mar dhìrich iad, ’sa chaidh iad a steach air geata rìomhach a bhaile. Cha d’fhuirich mi far an robh mi gus an deachaidh cearthar mac Chriosduidh, le ’m mnathaibh agus le ’n cloinn thairis. Chuala mi fòs aon ag ràdh o sin gun robh iad fhathast beo; agus gum buanaicheadh iad mar sin re seal, chum leo gum meadaicheadh an eagluis san àite san robh iad. Ma thàrlas domh dol a rithist an rathad sin, theagamh gun d-thoir mi cunntas umpa dhoibh-san leis an deoin e. Ach gabhaidh mi gu caomhail mo chead san àm de ’m leughadoir; BEANNACHD LEAT. CRIOCH.