[DA 1] CO’CHRUINNEACHADH, AIR A CHUR R’A CHÉILE AIR IARRTAS COMUINN ARD-SHEANADH EAGLUIS NA H-ALBA; ARSON AN SGOILEAN, Air feadh Tìr-mòr agus Eileana na Gaeltachd. LE TORMAID MACLEOD, D. D. MINISTEIR AN T-SOISGEIL ANN AN CAMPSIE. GLASCHO: CLO-BHUAILTE LE A. YOUNG. 1828. [DA 2] [Bàn] [DA 3] AN CLAR-INNSEADH. Taobh-dhuilleag. 1 Nithe gu bhi air an teagasg do Oigridh, 1 2 Neo-bhàsmhoireachd, 1 3 Freasdal De, 3 4 A bhuannachd a th’ann a bhi diadhaidh trathail, 5 5 Mu Dhiadhachd Chriosd, 6 6 Messsiah, 8 7 Criosd na Dhia agus na dhuine, 11 8 Latha na Sabaide, 12 9 Maduinn na Sàbaide, 14 10 Tigh Dhe, 15 11 Laoidh na Sàbaide, 18 12 Beinn Vesuvius, 19 13 Leabaidh bhàis an Fhoirbhich, 22 14 Bàs Altamond, 26 15 Taisbean Mhirsah 29 16 Uile-lathaireachd Dhe, 35 17 Mu Mhòrachd Dhe, 36 18 Dleasnas cloinne d’am Parandan, 37 19 Mo Mhàthair, 40 20 Mu theachd Chriosd do’n t-saoghal, 42 21 Aiseirigh Chriosd, 45 22 Laoidh mu aiseirigh Chriosd, 47 23 Crann-ceusaidh Chriosd, 47 24 Fulangais Chriosd, 49 25 Mu Mhionnan mi-naomha, 51 26 Mù sheinn Shalm agus Laoidhean do Dhia, 54 27 Dàn mu’n t-Sabaid 59 28 Mu bhreugan, Earail to Oigridh, 61 29 Laoidh mu bhreugan, 64 [DA 4] Taobh-dhuilleag. 30 Mu Aithreachas, 65 31 Co freagarrach ’sa tha’n Soisgeul do chor dhaoine, 68 32 Mu na Drùidhean, 70 33 Laoidh Mhic Cealair, 75 34 Long mhor nan Eil-thìreach, 79 35 Earrann II., 83 36 An Gaedheal a’ fagail a Dhùthcha, 88 37 Mu Chalum Cille, 94 38 I Chalum Chille, 104 39 An Claigeann, 111 40 M’an Ghréin, 115 41 Oisein do’n Ghréin, 117 42 Eirigh na Gréine 119 43 Dan do’n Ghréin, 120 43 Mu Ghréin na Fireantachd, 120 44 Mu thimchioll a Bhiobuill, 125 45 Dan mu Chraobh-sgaoileadh a Bhiobuill, 127 46 Innseanach America, 130 47 Mu bhàs Màthar, 134 48 Mu cho-fhurtachd mu bhàs Màthar, 136 49 Sgriobhadh air lichd-lighe ’an Clachan-an-dìseirt, 139 50 Marbhrann do Mr. Beattie a bha’n Obaireadhain, 140 51 Mar fhuaradh a mach America, 144 52 Lavinia, 149 33 Mu na h-Aingil Naomha, 150 54 Mu dhroch Cuideachd a sheachnadh, 158 53 An Seillein, 159 56 Na Sochairean Spioradail a tha na Gaedheil a nis a’ sealbh- achadh, 150 57 Craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil, 162 58 Mu’n Chuideachd a ta chum Eolas Criosduidh a sgaoileadh feadh Gaeltachd, &c 163 59 Dàn do’n Chomunn cheudna, 163 60 Cuideachda mhòr a Bhiobuill ’an Lunnuinn, 166 61 Dàn do’n Chomunn cheudna, 168 62 Mu chuideachda nan Sgoilean Gaedhlach, 171 63 Dàn do’n Chuideachda cheudna, 173 64 Mu Sgaoilean Ard-sheanadh Eaglais na h-Alba, 174 [DA 5] Taobh-dhuilleag. 65 Dàn air an t-sealla thaitneach, a tha ’m beachd na’n Gael, 179 66 Mu Urnuigh, 180 67 Laoidh na h-Urnuigh, 183 68 Ma’n t-suidheachadh inntinn a tha freagarrach do Urnuigh, 185 69 Còmhnadh an Spioraid ann an Urnuigh, 189 70 Naomhachadh an Spioraid, 194 71 Mu Bhàs Chriosd, 195 72 Gairm do pheacaich iad a theicheadh chum Chriosd, 197 73 Lagh Mhaois air a chriochnachadh le Bàs Chriosd, agus an Soisgeul a’ tòiseachadh, 198 74 Criosd a’ teachd a thoirt breith air an t-saoghal, 200 75 Criosd ’na Bhàs, a’ toirt buaidh air uile naimhdean a luchd- leanmhuinn, 201 76 Criosd a’ gairm a chuid caorach chum a dheas-laimh air là a Bhreitheanais, 203 77 Criosd na Bhas a’ cur suas a Rioghachd Spioradail air nach d’ thig crioch, 205 78 Riarachd inntinn, 207 79 Mu eadar-ghuidhe Chriosd, 208 80 Laoidh mu earbs’ a Criosd, 212 81 Ma’n Chuan, 215 82 An Cuan úmhal do Dhia, 217 83 Mu Reull-iùil na h-àirde-tuath, 218 84 Ma’n truaighe a tha sruthadh o Mhi-chreidimh, 219 85 Stéigh ar dòchais, 221 86 Duan, 222 87 An Garbh mac Stairn, 223 88 Briathran Mala-mhin, 225 89 Aisling Mala-mhin 225 90 Dàn mu Chonaltradh, 227 91 Comhairlean Easbuig Carswell d’a Mhac, 228 92 Mu Sheann Dain na Gaeltachd, 230 93 Amaideachd a bhi fo eagal san dorch, 234 94 Mu mhaitheas De d’ar taobh, 235 95 Teaghlach Dhe, 237 96 Failte do Mhnaoi òig le ceud bhréid, 240 97 Mu na Sìothaichean, 241 98 Sgeul air Coire na Sìthe, 244 [DA 6] Taobh-dhuilleag. 99 Miann a Bhaird a fhuair aois, 249 100 A bhi striochda do Dhia, 250 101 An oighreachd is luachmhoire, 251 102 Sgeula mu Easbuig Butler, 252 103 Mu thimchioll Dhe, 253 104 Sealladh air Baile Isrusalem, le fear-turuis, ib. 105 Mu chall a Bhàta d’am b’ainm Màire o Iona, 254 106 Gliocas air a tharruing uaithe sin, 256 107 Laoidh, 260 108 Mu fharsuingeachd Cruthachadh Dhe, ib. 109 Cliu o Oibribh Dhe, 263 110 Mu na Laplannaich, 265 111 Dàn ma’n Gheamhradh, 266 112 Mu Fhiadh nan Laplannach, 267 113 Dàn; ’S taitneach guth a Bhaird 268 114 Sealladh air dol fodha na Greine o mhullach Beinn àrd ’an Earra-ghael, 269 115 Oisein do’n Ghréin an am luidhe, 273 116 Eachdrui mu Mhàiri nighean Ailein, ib. 117 Earrann II., 277 118 Laoidh, 280 119 Mu bhuaidh Chriosd, 281 120 Mar bhàs Iarla Earra’ghael sa bhliadhna, 1685, 282 121 Cumha do’n Iarla cheudna, 284 122 Mu Imrich nan Eun, 285 123 Mu philleadh an t-Sàmhruidh, 287 124 Iain Gilpin, 288 [DA 7] CONTENTS. Author. Translator. Lessons to be taught to Youth, Dodsley Dr. M‘Leod Immortality, Mrs. Barbauld ib. Providence, ib. ib. The goodness of God, ib. P. M‘Far. The family of God, ib. ib. The advantage of early Piety, Watts Dr. J. Smith Omnipresence of God, Sturm Dr. M‘L. The greatness of God, D. Buchanan The birth of Christ, Original ib. The Godhead of Christ, Various ib. The Messiah, Pope E. M‘L. Christ, God and Man, Du Bosc Dr. M‘L. The adaptation of the Gospel to the circumstances of Man, Raffles P. M‘F. The sufferings of Christ—a Poem, D. Buchanan The cross of Christ, an object of Glory, M‘Laurin ib. The death of Christ, Dr. Blair ib. Christ’s invitation to Sinners; a Poem, D. Buchanan The Mosaic Dispensation concluded, and the Gospel commenced, Dr. Blair ib. Christ’s coming to Judgment, D. Buchanan Christ vanquishing the enemies of his followers, Dr. Blair ib. Christ in his death erecting his spirit- ual Kingdom, ib. ib. The resurrection of Christ, Hardie Dr. M‘L. A Hymn on the Resurrection, Watts Dr. J. Smith Christ saluting the faithful on the day of Judgment, D. Buchanan [DA 8] Author. Translator. Duty of children to their Parents, Dr. Thomson’s Col. Dr. M‘L. My Mother—a Poem, Mrs. Opie ib. The Sanctification of the Sabbath, Dr. A. T. ib. The Sabbath Morn, Graham ib. The House of God, Dr. L. Richmond ib. The Sabbath Hymn, Watts ib. Profane Swearing, Various ib. Caution against lying, Hardy’s Col. P. M‘F. Hymn against lying, Watts Dr. M‘L. Repentance, Original ib. The Bible, Dr. A. T.’s Col. J. M‘D. The diffusion of the Scriptures through the Islands and Highlands, Rev. D. M‘Lean On Prayer, Original Dr. M‘L. Prayer—a Poem, Montgomerie ib. Disposition suitable to Prayer, Thornton ib. The assistance of the Spirit in Prayer, Bickerstaff P. M‘F. The Sanctification of the Spirit, Watts Smith The intercession of Christ,—the foun- dation of hope in Prayer, Bickerstaff P. M‘F. Trust in Christ—a Poem, Dr. J. Smith Immensity of Creation, Various D. M‘L. Praise to God from his Works—a Hymn, Watts Dr. J. Smith The triumphs of Christ—a Hymn, Mrs. Campbell of Barr On singing of Psalms and Hymns, Dr. Gillies D. Ken. Scotland’s Sabbath—a Poem, Graham E. M‘L. Grief for the loss of a Mother, Belfrage Dr. M‘L. Comfort under the loss of a Mother, ib. ib. Epitaph in the Church-yard of Glen- urchy, Anon. Elegy on Dr. Beattie, Aberdeen, E. M‘L. On the Holy Angels, Dwight Dr. M‘L. On avoiding evil Company, Dr. A. T.’s Col. ib. Contentment—a Poem, D. Buchanan On the advantages now enjoyed by the Highlanders, Dr. M‘L. The diffusion of Spiritual Knowledge —a Poem, M‘Gregor [DA 9] Author. Translator. The Society in Scotland for propagat- ing Christian Knowledge, Dr. M‘L. A Poem to do. M‘Gregor The British & Foreign Bible Society, Dr. M‘L. A Poem to do. M‘Gregor The Gaelic School Society, Dr. M‘L. A Poem to do. M‘Gregor General Assembly’s scheme for Schools and Catechists, Dr. M‘L. The happy prospect now opened up to the Highlanders, M‘Gregor The Druids, Toland & Smith Dr. M‘L. M‘Kellar’s Poem, The Emigrant’s Ship, Dr. M‘L. The Minister’s visit to do. ib. The Highlander’s farewell to his Coun- try, Anon. The Life of St. Columba, Smith, &c. Dr. M‘L. Description of I Colum Cill, Pennant, &c. ib. Moral Reflections on the present state of I Colum Cill, Dr. M‘L. The Sun, Dr. A. Thomson J. M‘D. Ossian’s address to the Sun, The rising of the Sun. Sturm Dr. M‘L. Ossian to the rising Sun, The Sun of Righteousness, Hervey P. M‘F. On discovery of America, Robertson Dr. M‘L. Lavinia, Thomson ib. The industrions little Bee, Watts ib. The American Indian, Fulton’s Col. P. M‘F. Mount Vesuvius, Bishop Berk. Dr. M‘L. The Elder’s Death-bed, Anon. ib. The Death of Altamond, Young ib. The Ocean, Various ib. The Sea obedient to God—a Poem, Watts Smith The Polar Star, Sturm Dr. M‘L. The evils of Infidelity, Dr. A. T. P. M‘F. The foundation of Hope—a Hymn, Watts Smith [DA 10] Author. Translator. An Elegy, Anon. Garvo, the Son of Starna, Dr. A. S.’s Gaelic Grammar Fingal’s Advice to Oscar, Ossian Malvina’s Dream, ib. Conversation—a Fable, E. M‘L. Bishop Carswell of Argyle to his Son —a Poem, On the Ancient Poetry of the High- landers, Anon. The Bard’s salute to the Kerchief, ib. The Fairies’ Superstition, Dr. M‘L. The Tale of Corrie na Sithe, ib. The aged Bard’s Wish, Anon. The folly of being afraid in the dark, ib. J. M‘D. Resignation to God, Pulpit Dr. M‘L. The best estate—an Anecdote, ib. ib. Anecdote of Bishop Butler, ib. ib. Anecdote of Collins the Free-thinker, ib. ib. A view of Jerusalem, Rae Wilson ib. On the loss of the Mary of Iona, Anon. ib. Moral reflection on the loss, ib. ib. A Hymn, Mrs. Campbell of Barr The Laplanders, Various Dr. M‘L. Winter—a Poem, A. M‘Donald The Rein-deer, Various ib. Pleasant the voice of the Bard, Ossian A view of the Sun setting, Dr. M‘L. Ossian to the setting Sun, Mary, the daughter of Allan—a Moral Tale, S. Cameron A Hymn on the Grace of Christ, M‘Gregor On the death of the Earl of Argyle, Anon. ib. Lament for do.—a Poem, M‘Keich On the migrations of Birds, Various ib. On the return of Summer, A. M‘D. John Gilpin, Cowper ib. [DA 11] Mearachdan a Chlò’-bhualaidh. Taobh-dhuilleag. Sreith. 33 18 arson mac aon duine, leugh mac an duine. 32 13 — builich, — bhuilich. 95 2 — saoghalta, — foghluimte. — 4 — mothaich, — mhothaich. 273 3 — fein, — réidh. 165 16 — cliiteach, — cliùiteach. [DA 12] [Bàn] [TD 1] CO’-CHRUINNEACHADH ARSON SGOILEAN ARD-SHEANADH EAGLAIS NA H-ALBA. 1. Nithe gu bhi air an teagasg do òigridh. ULLUICH do mhac arson teagasg tràthail, agus cleachd inntinn ri briathraibh na firinn. Dean faire thairis air aomadh agus air rùn inntinn; cuir ceart e ’an àm òige; agus na ceadaich droch cleachda sam bith fàs agus neartachadh le bhliadhnuibh. Mar so cinnidh e mar ghallan àluinn air uchd na beinne; agus chithear a cheann ri ùine os ceann uile chraobhan na coille. Tha mac aingidh na chulaidh-mhaslaidh d’a athair, ach esan a ghiulaineas e fein gu ceart tha e na urram d’a cheann liath. Teagaisg umhlachd do d’ mhac, agus beannaichidh e thu; teagaisg macantas dha, agus cha bhi nàir air; teagaisg dha taingealachd, agus builichear sochairean air; teagaisg seirc dha, agus cosnaidh e gràdh; teagaisg dha measarrachd a’s bithidh aige slainte; teagaisg dha gliocas agus bithidh àgh agus cinneas air; teagaisg dha ceartas, agus cosnaidh so dha meas an t-saoghail; teagaisg dha treibh-dhireas, ’s cha’n agair a chridhe fein e; teagaisg dha bhi adhartach, agus meudaichidh a mhaoin; teagaisg dha fiughantachd, agus bithidh inntinn air a h-àrdachadh; teagaisg dha àrd-ealdhain agus fòd, agus bithidh a bheatha feumail; teagaisg dha diadhachd, agus bithidh a bhàs sonadh. DODSLEY. 2. Neo-bhàsmhoireachd. CHUNNAIC mi ’m blàth a’ seargadh air a phreas, le dhuilleagaibh boidheach sgapta air an làr.—Dh’ amh- [TD 2] airc mi rìs: thog e cheann as ùr; bhrùchd a mach am maothan òg na bharr, thainig fhàileadh cùbhraidh orm ’an uchd na gaoithe. Chunnaic mi ghrian a’ dol fodha san iar, neoil chiar-dhubh na h-oidhche a’ sgaoileadh m’ an t-saoghal: cha robh dath, na dealbh, na àilleachd, na ceol; ach an aon duibhre dhorch a’ tuineachadh m’an cuairt.—Dh’ amhairc mi, dh’éirich a ghrian a ris san ear ann an àilleachd a neart, a’ sgaoileadh a gathan òr-bhuidh air àirde nam beann; a neadan còinich dh’ éirich an riabhag a chur fàilte oirre; agus theich an oidhche na ciar-imeachd air falbh. Chunnaic mi ’n durrag, air teachd gu làn mheadachd, dh’ fhàs i fann, dhiult i lòn; shniamh i uaigh dh’ i fein, is chunnaic mi i air a righe na léine bhàis shioda; luidh i gun chosan, na dealbh, no lùths no comas gluasaid.—Dh’ amhairc mi rìs, bhrist i cuibhreach a bhais, thainig i beo as ùr, air a sgiathaibh deargbhreachd àillidh, ghabh i mach air blàs chéitein na gaoithe; rinn i gairdeachas ’na h-ùr-bheatha. ’S amhuil mar so a thacharas dhuitse, O dhuine! Mar so ath-ùraichear do bheathasa. Cinnidh àilleachd as an ùir, agus beatha as an duslach. Tamull beag agus luidhidh tu fo’n fhòid, mar luidheas an siol san fhonn; ach togar thu na dhiaigh so, is a chaoidh cha bhàsuich thu. Cò esan a tha teachd a bhristeadh cuibhreach na h-uaighe, a dhùsgadh nam marbh, ’s a chruinneachadh a mhuinntir shaorta fein o cheithir airdibh an domhain. Tha e tùrluing air neul Lasarrach, tha fuaim na gall-truimp a dol roimhe, mìlte de ainìglibh air a dheas laimh.—’S e Iosa mac Dhe a th’ann; Fear-saoraidh a chinne-dhaonna; caraid nan ionracan. Tha e teachd ann an gloir Athar; fhuair e cumhachd os àird. A mhic na neo-bhàsmhoireachd na bi fo bhròn! oir tha am milltear, am milltear neo-iochd’ar a thug sgrios air oibribh Dhe, air a cheannsachadh. Iosa, [TD 3] thug e buaidh air a bhàs,—a mhic na neo-bhàsmhoireachd! na bi ni ’s faide fo bhròn! MRS. BARBAULD. 3. Freasdal De. THA ghrian ghlormhor air dol gu clos san iar; tha drùchd an anamoich a’ braonadh gu làr; tha ’n àile bha teith air fás fionnar; tha na blàithean a’ pasgadh an duilleagan rìomhach, tha iad ga’n cruinneachadh fein a suas, ag aomadh an cinn gach aon air a chois mhaoth. Chruinnich a chearc a h-àl fo a sgiathan, tha iad aig fois; tha mhàthair-ghuir aig clos mar an ceudna. Phaisg na h-eoin bheag an ribheid; sguir an ceilearan binn, tha iad nan codal air na geugaibh, a h-uile h-aon ’s a cheann fo sgéith. Cha chluinnear srann an t-seillein ma ’n choinneag, no a’ measg nam blàithean milis: chriochnaich iad an obair, agus tha iad nan luidhe gu dlù nan sèomraichibh cèire. Tha na caoraich fo thamh air an rùsgaibh tla, ’s cha chluinnear an àrd-mhéilich ni ’s faid air a bheinn. Cha chluinnear fuaim nan ioma guth, no sùgradh na cloinne bige, na dian-thailmrich chos, no conaghair sluaigh a null ’s a nall. Cha chluinnear òrd a ghobhadh air an innein, no tuireasg an t-saoir le thoirm sheirbh. Tha gach aon sìnnte air a leabuidh thàimh, ’s tha an naoidhein na shuain air broilleach a mhàthar. Tha dorchadas air aghaidh nan speur, is tiugh-dhorchadas air an talamh; tha gach sùil dùinte, agus gach làmh gun ghluasad. Cò tha gabhail cùram de ’n t-sluagh ’s iad trom [TD 4] nan suain; an uair uach urra iad iad fein a dhìon, na cunnart fhaicinn a tha dlùthachadh. Tha sùil ann air nach aom suain; tha suil ann a chi ann an dorchadas na h-oidhche, mar air aird-a-mheadhon-là. An uair nach ’eil solas gréin no soillse gealaich, ’nuair nach’ eil lòchran san tigh, no aon reull ruithteach ag amharc amach roi dhuibhre neoil; chi an t-sùil sin anns gach ionad, agus tha e do ghnà a’ faireadh thairis air uile theaghlaichibh an domhain. ’S le Dia an t-sùil nach coidil; tha a làmh do ghnà m’ an cuart duinn. An uair a bha sinn sgìth dh’ ath-bheothaich e sinn le codal na h-oidhche. Chruthaich e ’n oidhche chum fois a ghabhail ’an sìth. Mar tha mhàthair chaomh a’ gluasad gu séimh sàmhach feadh an tighe, a’ cur cosg air gach fuaim, m’ an dùisgear am maothran as a shuain; mar tha i le sgàile a’ dùnadh a mach an t-soluis o shùilibh maoth; mar sin tha Dia a’ tarruing ciar-bhrat an dorchadais m’ar timchioll; ’s ag àithne sàmhchair agus fois, chum gu’n coidleadh a mhòr theaghlach fein ann an sìth. Sibhse, dhaoine, a tha air ur claoidh le saothair, ’s a leanaba òga ’s gach creutair is faoine agus is laige, coidlibh gu sàmhach, tha Dia a’ faire thairis oirbh. Faodaidh sibhse codal, oir cha chaidil esan; dùinibhse ur sùilean ann an tearuinteachd, oir tha a shùil-san do ghnà fosgailte chum ur dìon. ’Nuair a theid an dorchadas thairis, ’s a bhristeas an òg-mhaduinn air ur sùilibh, tòisichibh an là le moladh Dhe, a ghabh cùram dhibh trid dorchadas na h-oidhche. A bhlàithean àillidh, an uair a dh’ fhosglas sibhse a mach as ùr, sgaoilibh ur duilleach agus thugaibh ur fàile is cùbhraidh mar mholadh d’ a ainm. [TD 5] Eoin is moich a dhùisgeas, tairgibh dhàsan ur ceileirean taingeil air gheug nan craobh! seinnibh dha-san m’ an seinn sibh ur n-òran gaoil, Biodh moladh Dhe air ar cridheachaibh ’nuair a luidheas sibh sìos, biodh a chliu air ar bilibh ’nuair a mhosglas sibh gu moch. 4. A bhuannachd a th’ann a bhi Diadhaidh tràthail. Is sona ’n leanabh dh’eisdeas trà, Ri teagasg neamhaidh fior; ’S le ’m fuath an t-slighe pheacach, chlaon, Gu h-ifrinn dh’aomas sios. Ma bheir sinn suas sinn fein do Dhia, ’N uair tha sinn òg is fann, Bheir Esan neart dhuinn gu bhi triall, ’Na shlighe fein gach àm. Ma ghabhas sinn ’s an diadh’achd tlachd, ’N uair tha sinn sgairteal òg, Ni so ar dion o mhile lochd, ’S ar cumail ceart ri ’r beo. Ni so sinn beusach, ciallach, stuam, ’S gach ni ’an cuir sinn làmh; Is togaidh e ar n-inntinn suas, Le buaidh os cionn gach nàmh. Thoir oirn’ gu’n coisrig sinn, a Dhe, Dhuit fein ar làithean og: S bheir so dhuinn sòlas agus sith, An cian a bhios sinn beo. Oir bithidh tu do d’ chloinn a ghnà, Mar Athair lan de thruas; Is anns gach triobluid chruaidh is càs, Do ghràs ni ’n cumail suas. [TD 6] Thoir orms’ bhi ’g urnuigh agus seinn, ’S bhi cinntinn ann an gràs, Ni so mi feumail annam linn, Is deas air chionn a bhàis. 5. Mu Dhiadhachd Chriosd. THA Diadhachd Chriosd air a’ leige ris duinn gu soilleir anns na Scriobtuire naomha. ’Nuair a dh’ fhosglas mi mo Bhiobull, ’sa bheir mi fainear na h-ainmean a th’air an toirt da,—na buaidhean a th’air an cur as a leth—agus na gniomharan a rinn, agus a tha e deanamh, cha’n’eil e ann am chomas a bhi ann an teagamh sam bith a thaobh na puing chudthromaich so. ’Se Dia is ainm dha. An Dia mòr; an Dia cumhachdach; Iehobhah; Tighearna nam feart.—Tha uil’ àrd-bhuaidhean agus iomlaineachda an nàduir dhiadhuidh air an cur as a leth. Tha e o shiorruidheachd gu siorruidheachd; tha e Uile-chumhachdach, uil’-fhiosrach, uile-làthaireach, agus neo-chaochlaideach. Tha uile ghniomhara na diadhachd mar an ceudna air an cur as a leth; cruthachadh gach saoghail, ’s na bheil annta, a chùram agus a fhreasdal thairis air an iomlan; aige-san tha cumhachd na mairbh a dhùsgadh,—maitheanas peacaidh,—sìth coguis,—buaidh air an t-saoghal,—agus beatha shiorruidh a bhuileachadh. Dhàsan buinidh e breith a thoirt air an t-saoghal, agus binn aingle agus dhaoine a thoirt a mach. Cha’n’eil aon dàimh eadar Dia agus a chreutairean anns nach ’eil Criosd a’ seasamh dhoibh maraon. Mar a chruthaich e iad, ’s ann ann a tha iad a co’-sheasamh, agus air-san tha iad a’ teachd a suas: Uime sin, tha focal De ag àithneadh aoradh a thoirt da mar Dhia, agus thugadh aoradh dha le fàidhibh, agus le abstolaibh; daoine làn de chreidimh, agus de’n Spiorad Naomha, dh’ asluich iad stiuradh a fhreasdail, a chumh- [TD 7] achd, a ghràs, agus a bheannachadh fhad ’s bu bheo iad; ’s an àm bàis ghuidh iad gu’n gabhadh e an spioraid d’a ionnsuidh fein gu bhi maille ris na ghloir. Shuas ann an neamh tha e air a leige ris duinn na shuidh air cathair a mhòrachd, na làthair tha aingle gan sleuchda fein, a’ tilgeadh an coroin aig stol a choise, a’ folach an gnùis le’n sgiathaibh, agus a dh’ oidhche a’s là gun sgìos gun airsneul à’ seinn ’s Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia Uile-chumhachdach, a bha, a tha, agus a bhitheas. Agus tha uile fheachd fhlaitheas, d’an àireamh deich mìle, agus mìle de mhilte a’ seinn le chéile an aon orain shiorruidh, Beannachadh agus urram, agus gloir, agus cumhachd, gun robh dhasan a ta na shuidh air a chathair, agus do’n Uan gu suthain siorruidh. ’Se diadhachd Chriosd a chlach-stéigh air a’bheil aitreabh na firinn air a togail: Thoir air falbh i, agus tuitidh an togail dhreach-mhor so gu làr; dubh a mach an teagasg so a creidimh a Chriosduidh, agus cha’n e mhain gu bheil thu cur as a h-aon de na reulta dealrach a tha na iarmailt, ach ’s ann a tha thu a’ smàladh na gréine glormhor mu bheil iad gu leir a’ gluasad, ’s o bheil iad a’ faotainn an àilleachd agus an soluis. Thoir uam mo chreidimh ann an Diadhachd mo Shlannighear, agus an sin faodai mi gu dearbh mo chlàrsach a chrochadh air na geugaibh seilich, ’s a bhi fo bhròn, oir tha mi fhathast ann am pheacaibh,—faodai mi mo dheoir a shileadh, agus a ràdh, le barrachd aobhair na thuirt Muire. Thug iad air falbh mo Thighearn, ’s cha’n’eil fhios agam c’àit ’n do chuir iad e. Ach co cinnteach ’s is urrainn teisteas an Athair mo dheanamh, tha mi creidsian gur esan an Dia beo agus siorruidh. Air a chloich so, an t-aon is prìseile san aitreabh gu leir, togaidh mi mo dhòchas, agus leigidh mi taic m’ anama, ag ràdh, Ann an lan-chreidimh, mar thuirt Tòmas, MO THIGHEARNA, AGUS MO DHIA. [TD 8] 6. Am Mesiah. A nigheanan Shaleim! tionnsgnaibh òran rèidh, ’S na puinnc is àirde gluaisear dàn nan speur. Na fuarain bhlair, le sgàil na’n gorm-choill ùr, ’S na bruadair Ghreugach,—theich gu leir fa ’r cùl. A Righ thug càil do’n Fhaidhe ghleusadh ceòil! Le éibhleig naomh! cuir blàths an laoidh mo bheoil. Mu linn na slainte sheinn am Bard o chian; Bidh Mac aig Oigh, aig Oigh is torrach siol; O fhreumhaich Iesse faic le teas a’ fàs A suas san speur a GHEUG is cùbhraidh blàth! Bidh Spiorad De ’ga ghluasad fein mu barr; ’S san dos neo-sheargta tearnaidh Calaman Nèamh. Silibh, a neoil, an dealt o’n àird gu dlùth, Trom-shàmhach, maoth-bhog, frasach, braonach, ciùin! Sann duibhs ’tha an-fhann, tinn gun neart, gun trèoir, A bhrùchdas driùchd na slaint air bharr gach meoir; Le tamh fo sgàil gu brath cha loisg a ghrian; ’S o stoirm nan gaoth ni ’m fasgath caomh ur dion. Tréigeadh an t-olc, ’s gach ceilg a lot an sluagh, ’S air slighe pheacaidh coisnidh ceartas buaidh; Bidh Oilibh ghràis na sìochaimh sìnnt a mach, ’S thig neo-chiont àigh o nèamh, san deis’ is ailli dreach. A lìnntean fada, sìubhlaibh as gu luath! Grad éireadh fiamh na maidne ’nìos o ’n chuan, A bheir gu crìch do bhreithsa; Righ nan slogh! O Leinibh uasail! dùisg a suas gu ’d ghlōir! Faic Nàdur fein, ’s gach flùr an ceud am fàis Fo chòmhdach éibhinn! mil a’ séideadh tlàth! Faic! Lebanon gu h-àrd mar thog e cheann, ’S gach dos-chrann ard ’s na coilltibh àigh a’ danns’! Faic! smùidreadh spìsridh Sharoin suas ’s na neoil, Is Charmeil ùr nan seud is drùchdach ceò! Nach cluinn thu luath-ghair ăit san fhàsach chéin, [TD 9] “Thig Dia, thig Dia gar còir!” gach ròd biodh réidh! “Thig Dia, thig Dia!” co’-fhreagraidh fuaim nam beann! Gach creag ni gàir m’ an Ti is àirde t’ ann! Tha’n saoghal ag éiridh; lùb an speur a nìos, Gach ni le gràdh ’cur fàilt air teachd an TRIATH! Na seudair rìomhach cromadh sios an ceann! Fodha na sleibhtean! éireadh làr na’n gleann! Gach creag biodh mìn! biodh sìth air thuiltibh luath! Roimh sholuis gnùise Slanuighir chiùin nam buadh! Faiceadh na doill! a bhodhair, cluinn do Dhia! Sid Righ nan gràs mar sheinn na Baird o chian; Fògraidh e ’n oidhche dhuibhreach o gach sùil, Is chi na doill a Ghrian is boillsgeil iùl; Grad fhosglaidh fhocal toll na claisneachd suas; ’S o cho’-sheirm ciùil thig sòlas ùr do’n chluais. Bidh teang’ a bhalbhain deas a dhealbh nan rann, ’S mar mhang nan stùchd gun leum an crùbach mall. Cha chluinnear éubh na osnaich chràidh ni’s mò, ’S o ghruaidh gach creutair suathar deur a bhròin; ’An geimhlibh praise glaisear suas am bàs; ’S gheibh pruinns’ an t-sluichd an lot nach dùin gu bràth. Mar bhiathas Aodhaire feumail treud nan rùsg ’S na loin is fearr tha fàs fo’n bhlàth-ghaoith chiùin, Shireas le sùl-bheachd dùrachd na th’air chall, ’S a ghleidheas càch o thriall roi ràidean càm; ’Nuair bhrùchdas sgàil an dorcha, ’s e ni’n dìon, ’S an taic san là, ged chaochlas àrdan shion; Thogas na h-uain na uchd gu’n cumail blàth, Toirt doibh gu caomh nam fann-lus maoth o laimh; Mar sid ni Ti nan gràs a ghealla dhuinn Ar dion gu bràth le àithn is gràsmhor iùl. Cha ghluais na sloigh ni’s mo gu còmhrag arm; ’S na gaisgich threin cha chath ri chéil am feirg; Co’-ghair nan trompaid phrais cha chluinnear ann; [TD 10] An t-sleagh na cruaidh cha bhoisg an strìgh nan lann; Cromar gu speala feoir an gath gun fheum, ’S gu sochd a chroinn bidh ruinn a chlaidhimh ghéir. Grad-éiridh aitribh uasal suas ’s gach tir, ’S na thionnsgain athair, bheir am mac gu crìch. Sgaoilidh an fhìonain àrd a dosrach gheug Fo iomlain blàth mar sgàil do’n t-sliochd na dhéigh: Na làmhan fial a sgap an siol san fhonn, Gum buain an t-arbhar sguabach, reachd’ar, trom; Is chi na buachaillean gach cruaidh dhruim fàis Ur-bhog le feur, ’s le liligh ’s ceutaich bàrr. Le ìoghnadh éibhinn ésdidh iad ri toirm An uisge ’steallraich feadh na’n craim-chreag garbh. Mu nead na nathrach bàis bu chràiteach beum, Tha chuilc air chrith ’s an luachair thric na déigh. ’S a ghleann bha fàs fo bharr de’n sgitheach dhoirbh Tha’m bocsa grinn, ’s an giubhas sniomhain gorm. An àite chuiseag sheisg, is luibhean searbh, Ni mirtiol fàs, ’s am pailm is àilli dealbh. Bidh iarmad sgrios a mhada-allaidh ghairg, ’S na h-uain nam measg ag ith air shlios gach leirg: Caillidh an Tiger guineach, ciùrrach, fhearg, ’S an sréin nam flùr do chloinn cho diult e falbh: Ni’n damh ’s an leomhann san aon phrasaich tàmh, ’S bidh naith’r gun bheum ri cois fir-chéilidh tlàth. Togaidh an leanaban cìche bhéisd o’n làr, Si bheithir bhreachd a chleachd an ruinn-ghath bàis; Le gàir thoil-inntinn chi e lìth nan lann, ’S m’an teangaidh ghobhlaich cluichidh an t-òg gun fheall. A Bhan-righ SHALEIM! àrduich gloir do chrùin! Am Mòrachd t-uaillse tog a suas do shùil! A’d’ chùirtibh rioghail seall na mìllte slòigh, ’S na h-àil nach d-thainig, ’s àill leo teachd a’ d’ chòir! Tha linn air linn a’ tairgs’ am breith gun dàil, [TD 11] Gun fhusgais gus am faic iad soills’ an là; An sliochd gun chunntas seall tu dùsgadh suas, Thoirt modh do’n Ribhinn àigh is aillidh snuagh! Gabh beachd air feachd nan rioghachd fad o laimh, Air ghlùinibh lùbt’ ag ùrnuigh d’ theampull àigh! Sna ceudan righ a’ tuiteam sios gu dlùth, ’S gun diol iad iobairt cheart do Thi nan dùl! Nach seall tha ’n luchd th’ air t-altairean gun smal, De ’n spìosraidh phrìseil thig o’n àird an Ear! Tha dosraich Edom dhuits’ a’séideadh blàth, ’S do dhearg an òir tha sléibhtean Ophir làn. Seall! Geata boisgeil rionnagach nan speur A’ fosgladh suas ort! sid a ghloir nach tréig! A mhaduinn chiùin ni’s mò cha dealraich grian, ’S cha ’n éirich gealach shéimh fo sgàil nan nial; Grad-bhruchdaidh tuiltean soillse ’nuas o nèamh; Làn-dealruidh sruth na glòir ad chùirt gach tràth! Mu d’ thimchioll dearsaidh àird an t-SOLUIS FHEIN; ’S gu saoghal nan saoghal gur leatsa là do Dhe! Ni ’n fhairge triall, ’s an iarmailt theid na smùid; Gun leagh na sléibhte as mar chéir roi Ghnùis; Na creagan siorruidh tuitidh sìos ’nan ùir; Ach seasaidh firinn dhìleas Righ nan dùl! Riaghluidh tu fein ’s Mesiah ’n éibhneas nèamh, ’S air gloir ur rioghachd ni ’m faicear crioch gu bràth. 7. Criosd na Dhia agus na Dhuine. ’S FHEUDAR aideachadh, ’nuair a thainig am Focal san fheoil nach dthainig caochladh no atharrachadh air an dà nàdur; cha d-atharraicheadh an Diadhachd gu daonnachd, ’s cha mhò a dh’ iompaicheadh daonnachd chum Diadhachd; ach dh’ fhuirich iad le chéile eadar-dhealuichte nam buaidhibh mar bha iad. Ge nach ’eil e comasach dhuinne a thuigsinn cionnas a tha an dà nàdur a’ co’-aontachadh san aon phearsadh; gidheadh cha ’n e mhàin gu bheil an fhìrinn so air [TD 12] a’teagasg dhuinn gu soilleir ann am focal De, ach tha e follaiseach dhuinn ann an uile eachdruidh Chriosd. Beachdaich gu suidhichte air Iosa Criosd, agus mothaichidh tu soilleir na phearsadh, Dia agus duine; annsan nach do chaill an Dia a bheag ga Dhiadhachd; agus nach ’eil an duine air chor air bith air a dhealuchadh o fhìor dhaonnachd. ’An àm a bhreith chi thu ’n duine air a ghear-leanmhuinn le Herod, agus anns a cheart àm chi thu daoine glice na h-aird an ear a’ toirt aoraidh dha mar Dhia; ’an àm a bhaistidh le Eoin, chi thu ’n duine a’ teachd a nìos o Iordan, agus an Dia air a ghairm o neamh le guth o’n Athair shiorruidh, ag ràdh, ’S e so Mac mo ghràidh anns a’ bheil mo mhòr thlachd. Anns an Luing chi thu ’n duine air a chlaoidh agus na throm-shuain, agus Dia a tha smachdachadh na gaoithe agus na fairge, ’s a chuir gu tosd iad le aon fhocal. Aig uaigh Lasaruis chi thu ’n duine a’ sile nan deur, agus Dia a thug a charaid a bha ceìthir laithe marbh, le focal a chumhachd chum beatha. Ann an gàradh Ghetsemane chi thu’n duine air a ghlacadh leis na saighdeara, agus Dia a tha le anail a bheoil a’ bualadh nan saighdeara dalma sin gu làr. Air a chrann-cheusaidh chi thu’n duine a’bàsachadh, agus Dia a tha ’n san àm sin a’ toirt air an domhan criothnachadh, air chor ’s gun do ghluais an talamh, gun dthainig dorchadas air aghaidh nan speur, gun do dhiult a ghrian a solus, gun do sgoilt na creagan, agus gun robh an saoghal air fad fo uabhas, mar gum biodh e air a dhùsgadh gu mothachadh le bàs a Chruthai’ear agus Fhir-shaoraidh. 8. Là na Sàbaid, by A. THOMSON, D. D. CUIMHNICH là na Sàbaid a choimhead naomha. Is culaidh smaointean agus fà bròin, a thoirt fainear uiread ’s a tha ’n latha beannuichte so air a mhi-naomhachadh leis an òigridh, agus leis an aosmhor. Cha [TD 13] soirbhich diadhachd am feasd leis a mhuinntir a tha caitheadh an là sin ann an diomhanas agus ann am faoin-shùgradh. Ma tha thus’ a’cleachda bhi ga mhi-naomhachadh tha thu le d’ làn-fhiosrachadh a’ bristeadh aon de àitheanta Dhe. Agus am feadh a tha dearmad air a dheanamh air a h-aon air bith de na h-àitheanta a’ tarruing dhaoine chum càch a chur ’an suarachas, mar tha buaireadh a’ teachd san rathad, tha bristeadh na h-àithne so, gu h-àraidh, cunnartach agus ro-mhuladach, do brìgh gur e Dia na mhòr ghliocas a shùnraich an là so, anns am faod sinn fiosrachadh agus fòghlum fhaotainn, co’-naltradh a chumail ris fein, chum mar so gum bi sinn iomchuidh fa chomhair uile dhleasnuis na seachduin a leanas, gum bi sinn air ar neartuchadh ’an aghaidh buairidh an t-saoghail, agus gum faodamaid cùram a ghabhuil mu thimchioll ar leas spioradail. A réir ’s mar tha daoine dearmadach air coimhead na sàbaid, tha iad anns a cheart tomhas na’n caithe-beatha ’s na ’n giulan a’teachd ’an déigh laimhe anns gach dleasnas eile. Cha mhòr nach faodar a ràdh, mu thimchioll gach aon a chaidh air an aghaidh ann an slighe an uilc, gus an do tharruing e sgrios orra, a dh’ fhuiling fo laimh ceartais arson an droch-bheirt, ’s a chaochail gun aithreachas na gun dòchas,——gun d-aidich a chuid bu phailte dhiubh gur ann le briseadh na sàbaid a thuit iad sa cheud mhearachd; agus gun do tharruing a cheart pheacadh so, a tha co cumannta, ’s da’m bheil daoine gabhail co beag suim, ni’s mò na aon ni eile, a bhinn mhaslach so a nuas air an cinn. O, mo chlann ionmhuinn! guidheam oirbh an t-Sàbaid a naomhachadh. Bha e air a naomhachadh le Dia, a ghabh tàmh air an là sin o oibribh uile. Tha e air a naomhachadh le Criosd, le bhi na chuimhneachan air an là a dh’éirich e o na marbhaibh. Tha e air a naomhachadh, le dòchas Neamh, a tha air a chumail a mach fo ’n t-samhladh shòlasach air Sàbaid de shuaimhneas siorruidh. Tha [TD 14] e air a naomhachadh le’r n-uile uireasbhuidh spioradail san t-saoghal so, agus le’r dòchais ri sonas san t-saoghal a ta ri teachd. Uime sin na mi-naomhaichibh e. Builichibh e gu dùrachdach chum na ceann-crìche arson an do chuireadh air leth e. Seachnaibh gach obair shaoghalta ghabhas cur seachad, na dh’fhaodar air doigh sam bith a sheachnadh. Na smaoinichibh air feala-dhà na faoin-shùgradh. Caithibh an là ann an saothair chràbhach—’an leughadh nan Scriobtuire—a’ con’altradh mu nithe naomha, a’feitheamh air aoradh follaiseach—ri ùrnuigh dhìomhair—a’toirt fainear gu tùrail suidhichte cò sibh, agus ciod mar bu chòir dhuibh a bhith—’s a’ gnàthachadh gach cothrom a bhuilich am Freasdal oirbh, chum cinneachadh ann an eolas, ann an diadhachd, agus ann an naomhachd. 9. Maduinn na Sàbaide. Nach sàmhach maduinn chiùin an latha naomh! Tha fuaim an t-saoghail balbh; Cha chluinnear fòs ’Sa bhuailidh luinneag, na’n fhead air raon. Tha’n speal ’na shìneadh anns an fheur fo dhrùchd Na blàithean maoth a’seargadh anns an spadh, Ga b’ ùrail ait iad anns a ghaoith an dé. Cluinnear an fhuaim is faoine,—eadhon srann An t-seillein mhoich, is braona tlà an drùchd, A’s mèilich chaorach ’s iad air uchd an t-sléibh. Tha fiath mar bhan-righ anns na speuraibh shuas. Dhasan tha mach air feadh nam bruachan àrd Tha’n lon-dubh, a’seinn ni’s binne, air leis, o’n ghleann; An riabhag dh’ìrich i an diugh gu neamh, Le leadan ceolmhor; tha’n t-alltan fein Gu mòr ni’s réidhe a’ siubhal sios roi’n ghleann; O’n bhothan bheag ud as am faicear smùid Ag éiridh gu caòl os ceann a cheo, tha fuaim [TD 15] Nan salma milis—laoidhean naomha binn. Tha sìth os ceann a bhaile bhig ud thall, An t-innein chlos; tha h-uile ni na thàmh. Tha mhaidheach fein, ga fiamhach i, a’ stad Le sùil na déigh, a’ beachdacha gun gheilt Air duine, a nàmhuid borb. Tha’n gearran trom Gun taod no teothair ’g ionaltradh gu saor Air leud a dhroma a’ cur nan car le strìgh A’ baoisgeadh a chrùidhean os a cheann ri gréin. Ach ’s leats’ a dhuine an suaimhneas so mar sheilbh. Failt’ air an là naomh, latha chur sgìos nam bochd! Rè laithean eile air an claoi gu goirt, Nan aonar ithidh iad gu grad an lòn Air an lòm bhlàr, fo dhìon o theas no fhuachd, Am fasgadh craige, no fo dhubhar chraobh; Ach dhachaidh thig iad air an latha naomhs’, Gu h-ait le luchd an gràidh gun suidh iad sìos A’ roinn an lòin, ’sa thogail suas le chéil’ An altacha do Dhia—cha’n ann gu faoin Le focal, no le gluasad beoil, ach fòs Le sùil gu neamh, ’s an cridhe an sàs gu dlù. Fàilt air an latha naomh! fàilt air là nam bochd! Fhuair am fear-ceirde glas an diugh a chead, ’Se falbh o smùid a bhaile-mhoir gu tràth, Ri bruaich na h-aibhne dh’ iarr e’m fàile glan: A’ beachdachadh gu taingeil, ann an àird nan craobh Nan duilleach uaine ’s anns na blaithibh maoth Cumhachd glormhor Dhe.—’Sle sòlas ait Mar tha e breithneacha gu stòld’ leis fein Tha e fo dhòchas, (ga nach ann gun fhiamh) Gur sàbaid shiorruidh bhios fadheoidh air neamh. 10. Tigh Dhe. BU bhòidheach réidh an fhaich air an robh ’n tigh-aoraidh so air a shuidheachadh; àite sàmhach grianach an uchd beinne, air a chuairteachadh le craobh- [TD 16] aibh àrda, air bruaich aibhne a bha siubhal seachad gu séimh sàmhach. Bha e uile gu leir na àite co tìorail uaigneach ’s a b’ urrainnear fhaicinn. Bha ioma slighe a’treorachadh chum na h-eagluis so, agus cha’n’eil e furasd a ràdh cò dhiu bu taitniche. Bha aon slighe a’ dìreadh o thaobh na fairge, na lùban bòidheach roi’ choillidh òig, a bha fàs gu dosrach nadurra air na bruachaihh grianach sin. Bha slighe eile ag iathadh mu ghuala na beinne, ’s a’ tearnadh a dh’ ionnsuidh na h-aibhne roimh chluanaibh lusrach feurach, air an robh treudan lionmhor de chaoraich ag ionaltradh, le’n uain bheaga gheala a’mireag m’an cuairt doibh. Bha mar an ceudna, ioma ceum monaidh agus frith-rathad aith-leathain tre’n fhraoch, fo dhubhar a bheithe agus a bharraich, a’treorachadh chum an àite cheudna.—B’àbhaist domh air uairibh suidhe air uchd tuim a bha dlù do’n eagluis, o’n robh agam sàr-bheachd air mo cho’-thional nuair bha iad a’ cruinneachadh o gach taobh a dh’ ionnsuidh tigh an Tighearn air a latha naomh. Bha cuid dìubh fad ann am shealladh;—agus is iomad smaointin àghmhor theas-chridheach a dhùisgeadh ann am inntinn, mar a chithinn iad a’tighinn air an adhart, ’sa dlùthachadh uidh air uidh gu tigh na h-ùrnuigh.—Aon là ’nuair shuidh mi san àite sin, tamull beag m’an do thòisich an t-aoradh, smaointich mi air an dealas àrd a dh’ fhiosraich Righ Daibhidh ’nuair a ghlaodh e “Bha aoibhneas orm an uair a thubhairt iad, do thigh an Tighearna theid sinn. Seasaidh ar cosan an taobh a stigh do d’ gheataibh, O Ierusalem. Tha Ierusalem air a’ togail mar chaithir a tha air a coimh-cheangal ri chéile; d’an téid na treubhan suas, treubhan an Tighearna, gu teisteas Israeil, a thoirt buidheachais do ainm an Tighearn.” Smuaintich mi air a liugha beannachd prìseil a tha fuaighte ri mòr cho’-chruinneachadh an t-sluaigh arson aoradh follaiseach. Cia lionnhor anam neo-bhàsmhor a tha air a cheart àm [TD 17] so a’ cruinneachadh arson an aon obair mhòr agus chudthromaich, gu ùrnuigh agus moladh,—a dh’ éisteachd focail De,—chum bhi air ar beathachadh le aran na beatha! Tha iad a’ fàgail an àiteacha còmhnuidh fa leth, ann an ùine ghearr bithidh iad uile cruinn ann an tigh an Tighearna. Cia àillidh an soilleireachadh tha againn ann an so air an tairbhe àghmhor a tha fuaighte ri guth an deagh bhuachaille, a’ gairm a chuid caorach fein o gach cearna de ’n fhàsach! Mar tha’n t-slighe ud shios na cluaintean ud thall, agus na monaidhean ud shuas a’ giulan dhaoine, mnathan, agus clann, o iomad cearna, ’s iad a’tarruing ni ’s dlùithe air a chéile, ’s air cionfath an turuis; mar sin thig mòran o’n àird-an-ear, an àird-an-iar, o ’n àirde-tuath agus deas, agus suidhidh iad sios ann an rioghachd an Athar. Cò is urrainn a leithid so de àmannaibh prìseil a mheas mar bu chòir?—Amanna air an cuir seachad ann am fòghlum slighe a ghairdeachais naomha, agus ceuma beannaichte na sìth,—Amanna air an coisrigeadh do Dhia agus do leas anamaibh; a’toirt rabhadh do’n pheacach teicheadh o’n fheirg a tha chum teachd, ann an teagasg do’n aineolach cionnas a chaitheas e a bheatha agus mar is còir dha bàsachadh; ann an searmonachadh an t-soisgeil do na bochdaibh, ann an slànachadh a chridhe bhriste, ann an searmonachadh saorsa do na braighdibh, agus sealladh nan sùl do na doill,—“Is beannaicht’ iadsan a thuigeas an fhuaim aoibhneach, imichidh iad, O Thighearn, ann an solus glan do ghnuis, ann ad ainms’ ni iad gairdeachas rè an là, agus ann ad fhireantachd bithidh iad air an àrduchadh.” So na smuaintin a dhùisg air uairibh a’m’ inntinn le mòr chumhachd, ’nuair a chunnaic mi ’n sluagh ceudna cruinn ann an tigh Dhe, air an robh mi beachdachadh le m’ ùrnuigh as an leth gu neamh, nuair bha iad o cheann ghoirid a’tarruing air an aghaidh ga ionnsuidh.—An so, smaointich mi, tha ’m bochd ’s am beartach a’ [TD 18] coinneachadh, agus ag aideacha le cheile, ’nuair tha iad cruinn, gur e an t-aon Dia a chruthaich iad uile; gu bheil iad uile tighinn suas air an aon chairdeas, agus gur e’n t-aon Dia a tha freasdal d’an uireasbhuidh aimsireil agus spioradail fa leth,—Agus air a mhodh cheudna coinnichidh iad fhathast san uaigh, àite còmhnuidh an àird agus an iosail,—Agus aon uair eile, aig cathair bhreitheanais Chriosd coinnichidh an t-iomlan a chéile, chum fhaotainn o Dhia a réir ’s mar rinn iad anns a cholainn, co dhiu bha e math na olc,—Nach dlù-cheangailte ri cheile ann an eachdruidh mhic an duine, na tri còmhailean mòra coitchionn so, an tigh-aoraidh, tigh cumhang dorch a bhàis, agus an tigh nach do thogadh le làmhaibh, siorruidh anns na neamhaibh?—Na dealaicheamaid iad o chéile ’n ar smuaintibh, ach coimhideamaid iad ann an ceangal naomh agus tarbhach ann an uaigneas ar cridheacha! Mar sin bithidh ar coithionalan aoraidh air talamh na’n co’-shamhladh air làn choithional coitchionn agus eaglais nan ceud-ghin, a tha sgriobhta an neamh. 11. Laoidh na Sàbaide. A Dhe! ’se so an sealladh ait Co’-thional mòr ag aoradh dhuit! A’ seinn do chliu, ’sri ùrnuigh naomh ’Foghlum na sligh tha triall gu neamh; Bha mis a làthair, is bitheam fòs Tha e mar fhlaitheas beag a bhos; Le sugradh faoin no feala-dha Cha dearmad mi gu bràth do là. O sgriobh a Dhe air clàr mo mheo’air Naomh bhriathra prìseil glan do bheoil, ’S do d’ lagh bheir mis’ am barrachd fiamh A’s gràdh dhuit fein na thug mi riamh. [TD 19] 12. Beinn Vesuvius. ANN am bliadhna 1717, ann am meadhon a chéitein, rainig mi (arsa Easbuig Berkley) mullach beinn Vesuvius, anns am faca mi fosgladh farsuing as an robh smùid co mòr a’ teachd a nìos, ’s nach robh e am chomas doimhne na cumadh an t-sluichd fhaicinn. Anns an dubh-aigean oillteil so chuala mi fuaim eagallach, a’ teachd a nìos, mar gum b’ ann, a meadhon na beinne, agus air uairibh cosmhuil ri tairneanaich no fuaim ghunnacha mòra, no leachdan creadha a’ tuiteam o mhullach thighean air a chausair. Mar dh’ atharraich an soirbheas air uairibh dh’ fhàs an toit ni bu lughadh, a’taisbeanadh lasair dhearg, a bha m’an cuairt do bheul an t-sluichd ballach dearg, agus air uairibh buidhe. An deigh dhuinn fuireach còr is uair, ’s an smùid a bhi air a h-atharrachadh leis an t-soirbheas, bha againn air uairibh sealladh aithghearr air an t-slochd mhòr so; ann an iochdar an t-sluichd bu leir dhomh gu h-àraidh dà àite teine dlù ga cheile; bha ’n t-aon air an laimh chli ma thuairmes tri slatan air leud, as an robh lasair ruadh, agus a’ tilgeadh os a cheann doirneagan chlach a bha dearg theith, le toirm anabarraich: agus an uair a thuit iad air an ais, rinn iad an stairirich choimheach sin adh’ ainmich mi cheana.—Air an ochdamh là de cheud mhìos an t-sàmhruidh, dhìrich mi moch sa mhaduinn an dara h-uair gu mullach na beinne so, agus fhuair mi beachd agus sealladh ùr air an àite. Bha ’n toit ag éirigh suas co direach réidh, ’s gun d-fhuair mi làn-shealladh air beul an t-sluichd, a bha a reir mo bharalach mìle m’an cuairt, agus mu cheud slat air doimhneachd. O’n a bha mi ’n so ma dheireadh, bha carn mor cruinn air cruinneachadh ann an iochdar an t-sluichd. Thachair so o na clachaibh a bha air an tilgeadh suas, agus a thuit a rìs air an ais do ’n t-slochd. ’S ann sa [TD 20] mheall ùr so a bha ’n dà theine a dh’ ainmich mi. Bha ’n dara h-aon diu a h-uile tri na ceithir de mhionaide a’ tilgeadh an àird le fuaim uabhasaich, anabharradh de clocha dearg theinnteach, air a chuid bu lugha tri cheud troigh os mo cheann; ach do bhrígh nach robh gaoth ann thuit iad sios anns a cheart àit as an dthainig iad. Bha ’n t-aon eile làn de stugh leaghta dearg theith mar chi sibh ann an tigh dheanamh ghloineachan, air ghoil agus tre a chéile ag at ’s a’gluasad mar thonnaibh na fairge, le toirm bhras ghoirid. Air uairibh chuir an stugh goileach so thairis, agus ruidh e sios air taobh a chuirn, dearg-theith mar thainig e mach, ach chaochail e dhath ’s a choslas mar chruadhaich agus mar chinn e fionnar. Nan atharraicheadh a ghaoth ’s gun séideadh é chum na taobh air an robh sinne, bha sinn an cunnart bhi air ar marbhadh leis na mìll leaghta a bha air an tilgeadh o ’n aigean; ach o ’n a bha ghaoth freasdalach fhuair sinn cothrom air sealladh beachdaidh a ghabhail air an àit iongantach sin car uair gu leth a dh’ùine. Air a chùige là de mhios meadhoin an t-samhruidh, chunnacas an sliabh so fad an rathaid o bhaile mòr Naples, a’ brùchdadh thairis; agus tri laithean na dhiaigh sin dh’ ath-ùraicheadh an fhuaim thoireannach a thainig as, air chor ’s nach e mhàin gun do chrithich gach uinneag, ach mar an ceudna gach tigh a bha sa bhaile, chriothnaich iad o’n stéigh. O’n àm sin dh’ at e thairis, agus air uairibh san oidhche chìthte mìll theinnteach air an tilge fad os a ceann anns na speuraibh. Air an deicheamh là ’nuair a shaoil leinn gun do sguir i, thòisich i as ùr ag at agus a’ beucaich gu h-oillteil. Cha’n’eil e’n comas do neach beachd is firinnich a bhi aige air an fhuaim a thainig uaipe, ’nuair bu choimhiche i, na smuainteachadh mar gum biodh doinionn ghailbhich a gheamhruidh, toirm atmhor a chuain mhoir, torran speur, agus callaid ghunnacha mòra, air an aon àm, a’ deanamh [TD 21] co’-fhuaim eagallach le cheile. Gad a bha sinne da mhìle dheug air asdar, bu chulaidh-uabhais an fhuaim. Chuir sinn romhainn dol ni bu dlùithe air an t-sliabh, thug triuir na chearthar againn bàta leinn, agus chaidh sinn air tir aig bun na beinne. Mharcaich sinn an sin ceithir mìle m’an d’thainig sinn a dh’ionnsuidh an stugh leaghta a bha sruthadh a nuas na chaoiribh dearga air slios na beinne; ’s ann anis a chinn’ an stailmrich agus an fhuaim uabhasach thar tomhas. Anns an neul a bha os ceann beul an t-sluichd mhothaich mi gach dath a bhiodh ann am breacan. Bha maraon rugha dearg uabhannach anns an speur, os ceann an àite far an robh ’n stugh teinnteach a’tearnadh. Bha, mar gam biodh, abbuinn mhòr de stugh leaghta a ruidh a nuas o mhullach gu bonn na beinne, agus le neart nach b’ urrainnear a chosg, a’milleadh, a’ losgadh, agus a lom sgrios gach fion-lios, gach craobh ola, agus gach tigh a thainig na rathad, agus sgoilt am maoim-sléibhe so as a cheile na shruthaibh air gach taobh mar bha creagan agus cnuic a’ cur grabaidh air na dheann-ruidh millteach. Bha ’n sruth bu mhò dhiu mu leth mhìle air leud agus cuig mìle air fad. Dhìrich mi suas beagan ri taobh na h-aibhne teinntich so, ach b’ eiginn domh grad theicheadh air m’ ais, a thaobh ’s nach mòr nach do thachd fàile a phronnuisc mi. Am feadh a bha sinn a’ dol air ar n-ais mu thri uairean sa mhaduinn, chuala sinn beucaich na beinne, a’ rànaich gu h-oillteil fad na slighe. Agus chunnaic sinn i tilge os a ceann steallan lasrach agus clachan teinnteach, a bha mar a thuit iad air an ais cosmhuil ri rionnagan drileannach a thuiteas o theine ealanta a ni daoine le fùdar. Air leam gun robh na clachan teinnteach sin air an tilgeadh mìle troigh dìreach anns an athar os ceann mullach an t-sleibhe. Anns an t-suidheachadh so dh’ fhuirich e rè sheachd no ochd de làithean. Air an ochdamh-là-deug de’n mhìos [TD 22] cheudna, sguir gach coslas dhe’n t-seorsa so, agus bha beinn Vesuvius fa dheireadh gu ciùin sàmhach, gun smùid gun lasair. 13. Leabaidh bhais an Fhoirbhich. SGUIR an seann duine a labhairt—agus bha oghadh a nis comasach air na bha e faicinn fhulang—theann e gu sàmhach a null a chum a bhuird far an robh a chùngaidh-leighis a dh’ uimicheadh arson a shean-athar, ’s ga ghiulan a nall ann an soire beag, chum e suas e le laimh chaoimh ri beul an t-seann-duine. Dh’ òl e, ’s an sin thuirt e, “Thig ni ’s dlùithe dhomh a Sheumais bhig, agus thoir dhomh pòg air do shon fein, agus air sgàth t-athar;” agus mar a dhlùthaich an leanabh gràdhach a bhilean cùbhraidh air beul seachdai a shean-athar, thuit na deoir gu frasach o shùil an aosda, agus shil iad air ceann leadanach an leinibh, a bha nis na shìneadh ’s ag osnaich air a bhroilleach.—“A Sheumas bhig, ars esan, dhi-chuimhnich t-athair fein thusa ad leanabas, agus mise am shean aois, ach na di-chuimhnich thusa t-athair na do mhàthair, oir tha fhios agad agus is aithne dhuit gur i sin àithne Dhe.”—Bha cridhe an leinibh an inbh sgàine, ’s cha robh e na chomas labhairt. Dhruid e ni bu dlùithe is na bu dlùithe ris an t-seann-duine ghràdhach, agus bha e nis gu brònach na shìneadh air uchd a shean-athar. Thuit a mhàthair sios air a glùinibh, agus dh’ fholaich i a gnuis le làmhaibh. “O! a deir ise, Nam bidh fios aig m’ fhear-pòsda air so cha’n fhàgadh e athair air leabuidh a bhàis.” Agus bha fhios agam a nis gun robh am foirfeach ag ùrnuigh, arson a mhic easumhal agus aingidh. ’S an àm dh’ fheuchainnich so ghlac am ministeir am Biobull air a ghlùn, agus thuirt, e Seinneamaid chum clìu agus moladh Dhe, earrann [TD 23] de’n chùigibh salm deug, agus leugh e le cridhe làn agus le guth bristeach na rannan taitneach sin, Cò dh’fhanas ann ad phailliun shuas? a Thighearna, cò e? Air do chnoc naomh cò ’n ti sin leat a chòmhnuicheas gach rè? An ti a ghluais gu treibh-dhìreach, is ionracas a chleachd, Labhras an fhirinn sin a mach a ta na chridhe steach. M’ an gann a sheinn iad an t-salm, dh’fhosgladh an dorus; agus thainig duine àrd tlachdmhor a steach; ach bha gruaim air a mhaluidh, agus a thaobh coslais bha e fo bhròn, fo dhoilghios, agus fo agartas goirt. Air a ghluasad, fo amhluadh, agus air a bhualadh le dubhachas ri cluinntinn a cheoil thìomhaidh chràbhaich a chual e, shuidh e sios air ionad-suidhe, agus le aghaidh ghlas-neulaich throm thug e sùil air leabuidh bhàis athar. ’Nuair a sguir na sailm, thuirt am foirfeach le guth tùrsach tròm, “A mhic, thainig thu san àm a dh’fhaighinn beannachd deireannach t-athar. Gun dthugadh na tha ri tachairt san t-seomar so air an oidhche nochd, ortsa pilleadh o d’ dhroch shlighibh! Tha thu ’n so gu fianuis a thogail air tròcair do Dhe agus Shlanuighir air an d-rinn thu co fada dearmad.” Dh’ amhairc am ministeir, le gnùis, mar robh i le gruaim, a bha air a chuid bu lugha, achmhasanach, air an òganach, a bha fhathast na thosd, agus thuirt e, “Uilleam! o cheann tri bliadhna, cha do dhorchaich t-fhaileas stairsneach tighe an Tighearna. Iadsan a chuireas an suarachas an tàirneanach, faodaidh iad criothnachadh ris a ghuth chiùin shàmhach—Anis àm an aithreachais—gun giulaineadh spiorad t-athar a suas do neamh sgeul ait air aon anam aithreachail a thearnadh o chuideachda pheacach.” Le mòr shaothair dhlùthaich an an t-òganach gu [TD 24] taobh na leapach, agus fa dheireadh fhuair e comas a ràdh, “Athair, cha’n’eil mis as eug’ais bàigh nàduir; agus ghreas mi dhachaidh co luath, ’sa chuala mi gun robh am ministeir a’marcachd a dh’ionnsuidh an tighe. Tha dochas agam gum faigh thu chuid is fearr dheth so fathast; agus ma chuir mi campar riamh ort, tha mi ’g aslucha maitheanais—oir tha cridhe daonnachdail agam—Athair! bha mi mi-dhleasnach, ach cha’n ’eil mi mi-chneasta. Tha mi ’guidhe maitheanas.”—Thig a nall ni’s dlùithe orm, Uilliam; lùb do ghlùn ri taobh mo leapach, agus faireadh mo làmh ceann mo mhic ghràdhaich; oir tha dòrchadas gu dian a’ tighinn thairis orm. Bu tu mo cheud-ghin, ’s an diugh cha’n’eil mac beo agam ach thu. Tha do bhràthairean agus do phearaichean geala gaolach fo’n fhòid ’sa chladh ud thall, dlù dh’ise, céilidh mo ghràidh, a thug t-eudan fein, Uilliam, gu tric gu m’ chuimhne. Is fada bha thu ad chulaidh-aoibhneis agus ad aobhar-uaill; oir cha robh anns an sgìreachd uile aon duine no mac coltach ri m’ Uilliam fein. Ma thainig atharachadh air do chridhe o ’n àm sin, ’s réidh do Dhia smuaintean ceart aiseag air ais duit. Ghuil mi gu goirt air do shon—seadh, Uilleam, ’nuair nach robh aon am chòir—eadhon, mar ghuil Daibhidh arson Absalom—air do shonsa, “a mhic, O mo mhac!”—B’e’m freagradh a thug Uilleam, aon osna throm dhomhain. Bha a cholann gu leir fo throm spairn, ’se fhathast air a ghlùn; ach b’fhurast fhaicinn gun robh e fulang fo aithreachas, agartas coguis, agus ann-dòchas anama. Thuirt am ministeir le guth bu sgaitiche agus le aogas bu ghruamaiche na b’àbhuist da, “A’ bheil fhios agadsa, cò ’n lamh a tha nis na luidhe air do cheann ceannairceach?”—“O na buin ro chruaidh ris,” ars’ a chéilidh brònach, ’s i tighinn am follais o chùil dhorcha san t-seomar, far an dthug i oirp air i fein fholach fo mhulad agus fo nàire. “O! caomhainn m’fhear pòsda—caomh- [TD 25] naibh e, ars’ ise, bha e do ghnà dleasnach caoimhneil domhsa.” Agus le so a ràdh, thuit i air a glùinibh làmh ris, agus chuir i a gairdeana fada geala gu bàigheil cianail mu’n cuairt d’a mhuineal. “Falbh thusa cuideachd, a Sheumais bhig ghràdhaich,” ars’ am Foirfeach, “falbh eadhon, o m’ bhrollach, agus leig fothad do ghlùn làmh ri d’ athair agus de mhàthair, Chum gum beannuicheam sibh uile, le aon ùrnuigh dhùrachdaich m’an dealaich sinn.” Rinn an leanabh mar a dh’ iarradh air, agus chaidh e air a ghlùn le cail-eiginn de sgàth ri taobh athar; cha d-rinn an duine truagh dearmad air an leanamh a nis a ghabhail ’na ghlacaibh, a dhi-chuimhnich e tuille ’s fada; bu toigheach leis fhuil fein a dh’ aindeoin cumhachd marbhanta a mhi-chreidimh a fhuair gus a so buaidh air. “Cuiribh focal De,” ars’ am Foirbheach, “ann an làmhaibh mo mhic, agus leughadh e mach d’ a athair a tha dlù air a chrìch, an 25, 26, 27, rann de’n 11 Caibdeil de shoisgeul Eoin.” Chaidh am ministeir d’an ionnsuidh-san a bh’air an glùinibh, agus thuirt e le guth truacanta, cìùin, caoimhneil—“Is cuimhne leam, Uilleam, ’nuair nach robh a h-aon a b’fhearr a leughadh focal De na thusa—Am faod e bith gun do dhi-chuimhnich mac mo charaid fòghlum òige?” Cha do dhi-chuimhnich e e—Cha ruigeadh am peacach truagh aithreachail a leas a shùilean a thogail o thaobh na leapach. Chaith sruth naomh an t-soisgeil clais na chridhe, ’s bha na h-uisgeachan a rìs a’brùchdadh a mach. Le guth fann tachdta, labhair e—“Thuirt e rithe, is mis an aiseirigh agus a bheatha; an ti a chreideas annamsa, ged gheibh e bàs bithidh e beo, agus ge b’e neach a ta beo agus a’ creidsinn annamsa, cha’n fhaigh e bàs am feasd. A’ bheil thu creidsinn so? thuirt e rithe, tha a Thighearna, tha mi creidsinn gur dthusa Criosd mac Dhe a bha gu teachd chum an t-saoghail.”—“Cha’n e so guth ana-creidich, ars’ an seann-duine, gu buadhar [TD 26] air leabaidh a bhàis; is ni bheil agads’ Uilleam cridhe an ana-creidich, Aidich gu bheil thu creidsinn na leugh thu air an àm, agus gheibh t-athair bàs ann an sïth.”—“Tha mi creidsinn. Agus mar tha thus’ a’toirt maitheanas domhsa, gun deonaicheadh m’ athair a ta air neamh dhomh maitheanas mar an ceudna”—Bha’m Foirfeach mar neach air ath-bheothachadh gu h-obann le beatha as ùr. Las a shùilean fann—thainig ruiteag na ghruaidh bhàin—air leat gun d’fhàs a làmhan critheach laidir, agus bha a ghuth gu glan soilleir mar ann an àird a neart. “A d làmhaibhse, O mo Dhia, tha mi tiomna suas mo spioraid!” Agus le so a ràdh, thuit e gu ciùin seachad air ceann-adhart na leapach, agus air leam gu’n cuala mi osann! Bha sàmhchair fhada ann, na dhiaigh so, bha gach aon nan tosd—Dh’éirich an t-athair, a mhàthair, agus, an leanabh o’n glùinibh. Bha sùil gach aon air aogas ciùin a chuirp sin a bha nis sìnnte ann am fois shiorruidh, agus gun bhas-bhualadh no àrd-chumhadh, ach ann am bròn sàmhach an anama striochdta, sheas sinn m’ an cuairt air LEABAIDH BHAIS AN FHOIRBHICH. l4. Bàs Altamond. AM feasgar muladach m’an d’ fhuair an t-òganach àrd-uasal so am bàs sin a dhùisg na smaointe a b’ eagallaich, bha mise maille ris. Cha robh aon neach eile a làthair ach an lithich’ a bha feitheamh air, agus fior chompanach d’an tug e mòran spéis, agus a bha e na impidh air a mhilleadh le dhroch bharailibh mi-chreideach. Air dhomhsa teachd a stigh, thuirt e, “Tha thus’ agus an lithiche tuille ’s fada gun tighinn. Cha’n’eil aona chuid beatha no dòchas agam. Tha fiughair agaibhse ri miorbhuilean oibreachadh. Thogadh sibh na mairbh!” Fhreagair mi, gun robh nèamh tròcaireach—“Mar bitheadh” [TD 27] ars’ esan, “cha bhithinnse co ciontach. Ciod nach d-rinn nèamh chum mis’ a bheannachadh agus a thearnadh! Bha mi tuille ’s laidir arson an Uile-chumhachdaich! Tharruing mi sgrios orm fein.”—Thuirt mi, am Fear-saoraidh beannuichte.—Stad! stad! Tha thu gam’ leon! ars’ esan, ’s e sin a tha ga m’ dhìteadh; dh’ àicheadh mi ainm!” Dhiult e éisdeachd riumsa, agus cha ghabhadh e aon ni o’n lithiche, bha e na shìneadh gu tosdach, co fad ’s a leige saighdean goirtis leis, gus an do bhuail mòr uaireadair an tighe. An sin le dian-dhùrachd, ghlaodh e, “O aimsir! is ceart-bhreitheach dhuitse t-fhear-millidh a bhuala mar so gu goirt! Cionnas a theich thu uam gu buileach!—O! nach robh agam aon mhìos, seadh aon seachduin!—Cha’n’eil mi ’g iarruidh bhliadhnaichean!—gad a bhiodh linn ro ghoirid, arson an anabharr a th’agamsa r’a dheanamh.” Le dhomhs’ a ràdh nach b’ urra dhuinn tuille ’s a chòir a dheanamh: gun robh nèamh na àite beannuichte—“’Sann mar sin is measa dhomhs’ e—“Tha e caillte! tha e caillte! ’Si nèamh dhomhsa a chuid is claoidhtiche de ifrinn!” An deigh so, thairig mi ùrnuigh chur suas.—“Deanadh sibhse sin is urrainn a dheanamh.—Air mo shonsa, cha d’ rinn mi ùrnuigh riamh.—Cha’n urra dhomh—’s cha ruig mi leas. Tha nèamh fein a co’-dhaineachadh na tha mo chogus a’tagradh am aghaidh. Cha’n’eil e ach ag aontachadh ri aidmheil mo chridhe fein.” Air dha mothachadh gun do chuir so mi-ghean air a charaid, a bha nis a’ sileadh nan deur, (agus cò b’ urra gun an sileadh? Cha b’ urrainn domhsa) le sealladh làn caoimhneis, thuirt e, “Caomhainn do dheoir air do shon fein. Thug mise sgrios ort.—A’ bheil thu ’gul air mo shonsa? ’S neo-iochdmhor sin. Ciod is mò is urra mo ruigheachd?” Bha a charaid air a chlaoidh cho mhòr leìs na [TD 28] chunnaic agus na chual’ e, ’s gun robh e los fhàgail.—“Na fàg mi, ars’ esan—faodai tusa fathast a bhi fo dhòchas; uime sin éisd rium. Cia ana-ceillidh cuthaichte ’s a labhair mise! Cia ana-céillidh cuthaichte ’s a dh’ éisd, agus a chreid thusa! ach amhairc a nis agus thoir fainear mo staid, agus bithidh e na làn fhreagradh dhuitse agus dhomhsa. Tha cholainn so air a riasladh le dòruinn agus an-shocair; ach m’ anam mar gum biodh e air ath-bheothachadh leis na tha e a’ fulang, chum am barrachd neart: tha e lan chomasach gu co’-riasunachadh: tha e làn chomasach gu fulang—agus an ni sin a tha mar so a’ buadhachadh air stairsnich a bhàis, gun teagamh cha ’n fhaod e fein gun bhi neo-bhàsmhor.—Agus, a thaobh Dhe, cha b’ urra ni bu lugha n’ an t-Uile-cumhachdach a leagadh ormsa na tha mi fulang.” Bha mi nis a’ dol a dheanamh co’-ghairdeachas leis, anns an aidmheil a rinn e mar so, gun fhios da, anns an dà phuinc chudthromach sin d’ ar creidimh, a chaidh éigneachadh uaith le meud a chlaoidh:—’Nuair a ghlaodh e mach gu dian—“Stad, stad! leig leam labhairt. Cha’n fhad a th’ agam gu bhi labhairt.—A charaid air an d-rinn mi eucoir mhòr éisd rium, tha m’ anam, mar mo cholann, a’luidhe fo dhìth air tuiteam nan nochd-làraich thruagh, ann am bloighdibh de smaointean briste.—Tha geur-agartas oillteil le cuimhne air na thachair, a’ tilge mo smaointean romham chum nan nithibh a tha ri teachd.—Agus tha uabhas ni’s eagallaiche mu na tha ri tachairt gan grad sgiùrsadh a rithist air an ais. Tha mi tionnda thairis agus thairis, ’s cha’n’eil agam aon ghath sòlais no dòchais. O nam mothaicheadh tusa leth chudthrom na h-uallaich mhoir a tha nis na luidhe ormsa, dheanadh tu cruàidh spàirn a bhi ann an àite an Naomh-fhianuis a tha air a cheangal san teine ann an geimhlibh arson a chreidimh, agus [TD 29] chliuthaicheadh tu Dia arson nan lasraichean!—Cha lasair shiorruidh sin, ’s cha teine nach bi chaoidh air a mhùchadh.” O mar rainig so sinn! gidheadh an ùine ghearr, bha’m barrachd cionfath againn. Le colg buaireasach air a shùil, agus le eadòchas na ghnuis, ghlaodh e mach! Rinn mo dhroch-bharailean mor eucoir air mo chairdean; rinn m’ ana-caitheamh stròghail dìol-deirce de m’ mhac! thug mo mhi-charthanachd agus mo neo-chneastachd m’an cuairt bàs mo mhnatha! An e gu bheil ifrinn eile ann? Och, a Dhe d’an dthug mi toibheum, ach gidheadh a bha bàigheil rium! Bithidh ifrinn fein domh na h-ionad-dìon, ma dh’ fholaicheas i mi o d’ ghruaim!” Beagan an diaigh sin dh’fhàillnich a thuigse. Dh’ aithris a smuaintean eagallach, nithe uabhasach air nach faodar tighinn thairis, ’s nach urrainnear a dhi-chuimhneachadh. Agus m’an d’ éirich a ghrian, (is ainmig a dh’ éirich i air a leithid,) an t-òganach oir-dheirc, fialuidh, ard-inntinneach, uasal so, an t-òganach bu truaighe a chunnacas no chualas, Altimond, thug e suas an deo! 15. Taisbean Mhirsah. AIR a chùigeadh là de’n ghealaich a choimhead mi naomh, a réir gnà mo shinnsir, an déigh dhomh m’ ionnlad, agus m’ urnuigh mhaidne a chur suas, dhìrich mi ri beanntaibh àrda Bhagdat, chum a chuid eile de’n là a bhuileachadh ann an co’-chainnt ri m’ chridhe fein, agus ann an ùrnuigh dhiomhair. Nuair a bha mi a’mealtuinn fiunnachd an t-soirbheis air mullach na beinne, thuit mi ann an doimhne smaointean mu dhiomhanas beatha mhic an duine; agus a’ dol mar so o aon smuain gu smuain eile, gun amharus, thuirt mi, cha’n’eil ann an duine ach faileas, ’s tha bheatha mar aisling na h-oidhche. ’Nuair bha [TD 30] mi mar so a’ smaoineacha thionndai mi mo shùil gu mullach craige nach robh fada uam; far am faca mi neach ann an dreach buachaille chaorach, agus inneal ciùil na laimh. Mar dh’ amhairc mi air, chuir e r’a bhilibh e agus thòisich e air ceol a sheinn. Bha’n fhuaim anabarrach milis, agus chluich e ioma port a bha ceolmhor taitneach r’a chluinntinn, agus air na h-uile doigh neo-chosmhuil ri aon ni ’chuala mi riamh. Thug iad am chuimhne an ceol neamhuidh sin a tha failteachadh anama nan naomh air an ùr theachd a steach do fhlaitheas, chum am fulangas deireannach agus acain a bhàis fhuadach air falbh, ’s iad fein uimeachadh fa chomhair sòlais an àite shonadh sin. Leagh mo chridhe an taobh a stigh dhiom, ann am mòr shubhachas dìomhair. Chuala mi gun robh Urra-ghlic gu tric a’taghall na craige so, gu’n cualadh iomad aon a cheol-sìth-bhruth, ach cha b’fhiosrach mi gu’m facas riamh roimhe e. An uair a thog e mo smaointean leis a cheol bhinn a sheinn e, gu tlachd a ghabhail d’a sheanachas, air dhomh beachdachadh air mar fhear fo ìoghnadh, sméid e orm, agus le aomadh a làimhe, sheol e dhomh dol far an robh e. Tharruing mi ga chòir leis an urram sin a dhlighear do ard-ghne, agus mar a thugadh buaidh iomlan air mo chridhe leis a bhinn-cheol a chuala mi, thuit mi sios aig a chosaibh, agus thòisich mi ri caoineadh. Dh’ amhairc e orm le fiamh ghàire, le caoimhneas agus caomhalachd co mòr ’na choslas, ’s gun do chaill mi air ball am fiamh leis an d-thainig mi na làthair. Thog e suas mi, agus gam’ ghlacadh air laimh thuirt e, a Mhirsah, chuala mi do cho-sheanchas.—Thig, ars’ esan, lean mise. Thug e mi ’n sin gu àrd-bhinnein na creige, agus le m’ charamh air a mullach, thuirt e, Tionndai do shùil ris an aird-an-ear agus innis dhomh na tha thu faicinn. Fhreagair mi, gun robh mi faicinn gleann mòr domhain, agus sruth mòr uisge ruidh gu bras troimhe. An gleann sin a tha [TD 31] thu faicinn, ars’ esan, ’s e sin gleann na truaighe, agus an amhuinn a tha dol troimhe, is earrann i de shruth mòr na siorruidheachd. Dh’ fhiòsraich mi dheth, Cionnas a bha tuil na h-aibhne, a bha mi ’faicinn a’ sruthadh a mach a ceo tiugh dorchadais aig an darna ceann, agus gu grad a’ dol as an fhradharc ann an ceo a bha co dorch aig a cheann eile? Na tha thu faicinn, ars esan, ’se sin a chuibhrionn de shiorruidheachd ris an can’ iad aimsir, air a thomhas le gluasad na gréine, agus a’ ruigheachd o thoiseach gu deireadh an t-saoghail. Rannsuich a nis, ars’ esan, le d’ shùil, an fhairge sin a th’ air a’ criochnachadh le tiugh-dhorchadas aig gach ceann, agus innis domh ciod a tha thu a’ faicinn. Chi mi drochait am meadhon an t-srutha; an drochait a tha thu faicinn, ars esan, ’S i sin beatha mhic an duine,—rannsuich i gu mion. Air dhomh am barrachd beachd a ghabhail, mhothaich mi gun robh aice deich a’s tri fichead bogha slàn, a bharrachd air iomad bogha briste; ionnas gun robh eadar shlàn agus bhriste mu cheud bogha ann air fad. An uair a bha mi ’g àireamh nam boghachan dh’ innis an Urra-ghlic dhomh gun robh mìle bogha air tùs san drochait, ach gun dthug tuil mhòr air falbh an còrr, agus gun d’ fhàg i ’n drochait san staid bhreoite sa bheil thu nis ga faicinn. Ach innis domh a thuilleadh ciod tha thu faicinn oirre. Chi mi mòr shluagh, a’ deir mise, a’ dol a nunn oirre, agus is leur dhomh neul dorch an crochadh os gach ceann di. Mar bheachdaich mi gu furachair, chunnaic mi iomad aon de luchd-turais a’ tuitean tre’n drochait, san t-sruth bhras a bha ruidh gu dian foidhpe; agus le barrachd mothachaidh, thug mi fainear gun robh àireamh mhòr de ghne dhorsan air urlar na drochait, air an cleth gu h-innleachdach o’n t-sùil, air nach luaithe shaltuir na coisichean, na dh’fhosgail iad fodhpa, ionnas gnn do thuit iad sios rompa do’n t-sruth, ’s air ball chaidh iad as an t-sealladh. Bha [TD 32] na tuill fo làr so ro lionmhor aig ceann na drochaite, far an deach an sluagh a stigh, air chor ’snach luaithe thainig dùmhladas dhaoine ’mach as an neul thiugh na thuit mòran sios annta. Dh’fhàs iad ni b’ ainneamh mu mheadhon na drochait, ach mheudaich an àireamh gu mòr, agus bha iad ni bu dlùithe aig ceann nam boghachan a bha slàn. Bha gun amharus àireamh eiginn, ach bu tearc iad, a ghabh greis air an aghaidh air na boghachan briste le ceum turamanach neo-chòmhnard; ach thuit iad a h-aon an déigh a chéile, air dhoibh a bhi air an claoidh leis an turus shaothaireachail. Builich mi tamull beag a’ smaoineachadh air a ghnothach iongantach so, agus a liuthad ni a b’ fhiach fhaicinn agus a thuigsinn a bh’ ann am fhradharc. Mheataich mo chridhe le bron, ri bhi faicinn mòran a’ sleumhnachadh air falbh as mo shealladh, gun dùil r’a leithid, agus sin ann am meadhon an sùgraidh agus am fleadhachais, ’s a’ deanamh greim bais air gach ni a dh’ fhaodadh iad a ghlacadh chum an teasraiginn. Bha cuid ag amharc ri neamh mar ann an trom smaoineachadh, agus ann am meadhon an smaointe, thuislich iad agus thuit iad as mo shealladh. Bha àireamh lionmhor a’ saothaireachadh gu dian ann an tòir air faileis, no air faoineachd nach b’ fhiu, a bha baoisge gu boidheach fa chomhair an sùl, ’s a mireag rompa; ach gu tric ’nuair a shaoil iad gun robh e na’n glaic, dh’ fhosgail an drochait fo bhonn an coise, agus fodha a chaidh iad. Anns an ùbrait choimhich so chunnaic mi cuid de dhaoine, le claidhean agus lannan, air an ais agus air an aghaidh air an drochait, gam fòirneadh air na tuill fo làr so, a dh’ fhaodadh iad a sheachnadh, mar rachadh an cur a dh’ aindeoin orra. Air do’n Urra-ghlic m’ fhaicinn a’ buanachadh fad ni ’s leoir air an t-sealladh mhuladach so, thuirt e rium nach bu teichd fhad ’sa bha mi ’g amharc air. Tog do shùil bharr na drochaite, ars esan, agus innis [TD 33] domh a’ bheil thu faicinn ni air bith fhathast nach ’eil thu tuigsinn. Air dhomh amharc suas, thuirt mi, ciod is ciall de’n sgaoth mhor eun a tha mi faicinn do ghnà ag itealaich m’ an drochait, agus a’ luidhe oirre o àm gu h-àm? Is leur dhomh ’m fitheach ’s am fang agus iomad eun creiche eile nach urra dhomh ainmeachadh. Sid agad, ars esan, farmad, sannt, saobh-chràbhadh, eadòchas, ’s a h-uile cùram agus an-togradh eile a tha ’n dual do bheatha mhic an duine. An so tharruing mi osna throm. Mo thruaighe, thuirt mi, Chaidh an duine a chruthachadh an diomhain! Cionnas a tha e air a thoirt thairis do thruaighe, agus do neo-chinnteachd beatha! air a chlaoidh na bheatha, air a shlugadh suas ann am bàs! Air do’n Urra-mhath truas a ghabhail diom, fàg, ars’ easan, an taisbean muladach so. Na h-amhairc tuille air mac aon duine ann an ceud thoiseach a làithean, ’na ùr-imeachd chum siorruidheachd. Ach beachdaich air a cheo dhorcha sin chum a’ bheil an srùth gu dian a’ giulain uile linnibh dhaoine a tha tuiteam ann. Dh’ amhairc mi mar dh’ àithn e dhomh, agus (co dhiu a neartaich esan mo fhradharc, air mhodh nach do thuig mi, no dh’ fhuadaich e cuid de’n cheo a bha roimhe so tuille ’s deachdair do’n t-sùil amharc troimhe,) chunnaic mi ceann thall a ghlinne a’ fosgladh gu farsuing, agus a sgaoileadh a mach ’na chuan mòr, anns an robh cruaidh sgeir a’ dol tre a mheadhon, agus ga roinn na dha earrainn co-ionnan. Bha na neoil a’ sior shocrachadh air an dara h-earrainn, air chor ’s nach b’ urra dhomh aon ni fhaicinn ann: ach bha ’n t-aon eile na chuan mòr, anns an robh eileinean gun àireamh a bha làn meas agus bhlàithean, ioma mìle muir bheag agus lochan boidheach ag iathadh gu sèimh sàmhach nam measg. Chunnaic mi sluagh air an èideadh ann an earradh ghlòirmhoir, le blà-leasgaidh air an cinn, ag imeachd feadh nan craobh [TD 34] a’ luidhe sios ri taobh nan tobraichean, a’ gabhail fois air an leabaichibh tlàtha; agus chuala mi co’-sheirm aig eoin cheòlmhor, torman nan ailt, guth dhaoine, agus inneil chiùil. Dh’ fhas mi ait le sealladh co taitneach fhaicinn. Mhiannaich mi sgiathan iolair a bhi agam, chum gun rachainn air iteig do na h-ionadaibh taitneach sin; ach dh’ innis e dhomh nach robh doigh gu ruigheachd far an robh iad ach tre dhorsa a bhàis, a chunnnaic mi gach mionaid a’ fosgladh air an drochait. Tha na h-eileanan, a deir e, a tha co ùr’ar ghorm fa d’ chomhair, agus leis a bheil aghaidh a chuain air a bhreacadh co fad ’s a chi thu, ni ’s lionmhoire na gaineamh na fairge; tha iomadai eilean air chùl na tha thus a’ faicinn, agus a ruigheachd gu mòr ni ’s faide na ’s urrainn do shùil fhaicinn, no eadhon do d’ inntinn a smuaineachadh. ’S iad sin flath-innis nan naomh an diaigh am bàis, a tha a réir tomhas am maitheis air an roinn air feadh nan eileanan sin, anns a bheil gach aon diubh a’ sealbhachadh sòlais a tha co’-fhreagradh d’an càil agus do’n tomhas foirfeachd air an d-rainig iad. Tha h-uile eilean na fhlaitheas air a dheasachadh fa chomhair an luchd-àiteachadh a th’ air an socrachadh ann. Agus a nis, O! Mhirsa, nach aithrigh na h-ionadan-còmhnuidh sin spàirn a dheanamh chum an cosnadh? A’ bheil a bheatha sin tàireil a tha toirt cothrom gu ruigheachd air luigheachd co àrd? A’ bheil am bàs sin na chulaidh eagail a ghiulaineas tu gu beatha co sonadh? Na smaointich gun do chruthaicheadh an duine an dìomhain, aig a’ bheil siorruidheachd mar so ’na bheachd. Dhlù-bheachdaich mi le h-anabharra tlachd air na h-eileainibh sonadh sin. Fàdheoidh, thuirt mi ris, Nochd dhomh a nis an diomhaireachd a ta’n cleth fo na neoil dhorch a tha os ceann a chuain taobh thall na creige mòire. Cha tug e freagradh dhomh, thionnda mi a rìs a labhairt ris, ach dh’fhàg e mi. Thiondaidh mi a rithist a dh’fhaotainn ath-shealladh de’n [TD 35] taisbein air an robh mi beachdachadh; ach an àite an t-srutha chais, na drochaid le boghachaibh, ’s na h-eileanan sonadh, cha’n fhacadh mi bheag ach gleann domhain Bhagdait, le dhaimh, le chaoraich, ’s gach spréidh eile ag ionaltradh air uachdar. 16. Uile-làthaireachd Dhe. THA an Dia uile chumhachdach a làthair anns gach àite. Tha e aig mo dheas-laimh; tha e fad air falbh; tha e lionadh an t-saoghail m’an iadh ghrian. Ann an so tha neonain na machrach a’ fàs, agus tha esan an so maraon; shuas os mo cheann tha ghrian a’ dealradh, a’s tha esan ’an sin mar an ceudna. Tha e san oìteig chiùin, tha e san doininn gharbh; anns an t-solus agus anns an dorchadas; anns an neo-ni is faoine, agus anns an t-saoghal mhòr. Tha e sa ghleann iosal so, tha làthaireachd air mullach nam beann; san uaigneas is sàmhaiche san eilean fhàs, ’sa bhaile mhòr. Eisdidh e mo ghuth fann-sa, mar dh’ éisdeas e ri co’-sheirm nan aingeal a tha le’n clàrsaichibh òir m’an cuairt d’a chathair rioghail. ’Se Dia nan àrd-aingeal e, agus is e mo Dhias’ e. Eisdidh e ruinn le chéile; agus bheir e éisdeachd mar an ceudna do cheol na h-uiseige, agus srann an t-seillein ag iathadh mu na blàithibh maotha. O! thus’ a Dhe Uile-làithreach! éisd rium, agus freagair mo ghuth; na ceadaich dhomhsa gu bràth a dhì-chuimhneachadh, gu bheil mi fo bheachd do shùl, anns gach àit, agus air gach àm. Cuidich leam mi fein a ghiulan mar ann ad làthair; chums, ’s an uair a ghairmear mi, le co’-thional an t-saoghail gu leir fa chomhair mo Bhreitheamh, nach eiginn domh teicheadh o làthaireachd an Ti is Airde. [TD 36] 17. Mu Mhòrdhachd Dhe. Ciod e Dia, no ciod e ainm? Cha tuig na h-aingil ’s àird ’an gloir. Tha e na sholas dealrach glan, Far nach ruig sùil no smuain na chòir. Uaith fein a ta a Bhith a’ sruth, Neo-chruthaichte na uile bhuai’bh; Neo-chriochnaichte na nàdur fein, ’S fein-dhiongmhalta ga’n cumail suas. Cha robh e òg is sean cha bhi, O shìor gu sìor gun chaochla staid; Cha tomhais grian na gealach aois, Oir ’s nithe caochlach iad air fad. ’Nuair thaisbeanas e ghloir na ghràs, Bi’dh là neo-bhàsmhor teachd o shùil; ’S grad chuiridh sluagh nan nèamha àrd, Le’n sgiathaibh sgàile air an gnùis. ’S ma thaisbeanas e ghnùis ’an gruaim, Grad sgaoilidh uamhunn feadh nan speur: Roi achmhasansa teichidh ’n cuan, ’S le geilt-chrith gluaisidh ’n cruinne-cé. Ta obair nàduir searg ’s a’ fàs, O chaochladh tha’d gu caochladh ruidh; Ach uile thionnsgans tha’d nan aon, Gun traogh na lionadh air a Bhith. ’Nuair chuala neo-ni guth a bheil, Ghrad leum ’na bith a chruitheachd mhòr, An cruinne so le uile làn; ’S na nèamha àrd le’n uile shlòigh. ’N sin dhearc air oibrichibh gu leir, ’S gach creutair bheannuich e nan staid; ’S cha d’ fheum ath-leasachadh air ni Am measg a ghniomharaibh air fad. [TD 37] Air clàr a dhearn’ tha dol m’an cuairt Gach reull a ghluaiseas anns an speur; An cruthach gu leir tha stigh na ghlaic, ’S a’ deanamh thaic da ghairdean treun. Cia chuairticheas do Bhith a Dhe! An doimhne shluig gach reusan suas; ’Nan oirpibh tha aingil ’s daoin Mar shligibh maoraich glacadh chuain. O bhith-bhuantachd tha thus’ a d’ righ, ’S ni bheil san t-saoghal ach ni o’n dé; O’s beag an eachdruidh chualas diot, ’S cha mhòr de d’ ghniomh a tha fo’n ghréin. Ged thionndadh ghrian gu neo-ni rìs, ’S gach ni fa chuairt a soluis mhoir, ’S co beag bhiodh t-oibre ’g iunndrain uath, ’S a bhiodh an cuan ag iunndrain sil’ a mheoir. An cruthach cha dean le uile ghlòir, Làn fhoillseachadh air Dia nam feart, Cha’n’eil ’s na h-oibre ud gu leir, Ach taisbein earlais air a neart. Le’r tuigse thana ’s diomhain duinn Bhi sgrùdadh chuain a ta gun chrioch; An litir is lugha dh’ ainm ar De, Is tuille ’s luchd d’ ar reuson i. Oir ni bheil dadum cosmhuil riut, An measg na chruthaich thu gu leir; ’S a measg nan daoine ni bheil cainnt A labhras t-ainm ach t-fhocal fein. 18. Dleasnas cloinne d’am Parandaibh. A MHUINNTIR òg,—is cudthromach na dleasnais a tha mar fhiachaibh oirbh a thaobh ur pàrandan. [TD 38] Tha na dleasnais so air an earaluchadh oirbh air a mhodh is laidire ann am focal De. Tha iad a’ co’-sheasamh anns a cheud àite ann am mòr mheas agus urram a bhi agaibh dhoibh ’nar cridhe. Iadsan nach ’eil ag altrum urram d’am pàrandaibh nan smuaintibh, cha’n urrainn doibh a bhi dleasnach na ’n giulan. Chàirich Dia iad thairis oirbh, agus fo Dhia fein ’s ann doibh-san a tha sibh fo’n chomain is àirde. Is tràthail a bha sibh an earbsa riu arson altrum agus tearuinteachd, faicill agus cùraim: agus buinidh dhuibhse air an aobhar sin amharc suas d’an ionnsuidh mar ur càirdean is caomhaile agus is fearr; aig a’ bheil an gràdh is blàithe agus is buaine d’ ar taobh. A rìs, bithibh dleasnach dhoibh mar an ceudna ’n ar cainnt, a’ labhairt riu le meas, le modh, agus le ùmhlachd; gun fhreagairt chas, no fhrionasach a thoirt dhoibh air am sam bith. Ach cha leoir a bhi dleasnach ann an smaointean agus ’an cainnt, feumaidh sibh a bhi mar so ’nar giulan cuideachd. ’Se dleasnas pharandan an teaghlach a dheagh riaghladh, agus na cloinne géill a thoirt d’an smachd. Co fad ’s nach ’eil iartas nam parandan an aghaidh reachd Dhe feumaidh sibhse géille dhoibh. Nan tachradh e gu dearbh gum biodh parandan ann a tha co peacach aineolach ’sa dh’ iarradh air an duine cloinne ni sam bi a dheanamh nach robh ceadaichte le Dia, cha’n’eil teagamh nach e dleasnas an leinibh toil an Athair neamhuidh a dheanamh, agus toil athair talmhuidh a dhiultadh: ’nuair a thig toil De agus iarrtas dhaoine ’an aghaidh a chéile, cha’n’eil teagamh co dhà gam bu chòir géill a thoirt. Cha’n fhaod an saoghal a’s na bheil air uachdar teachd eadar sibh agus ur dleasnas do Dhia. Ach an uair nach ’eil ur parandan ag iarruidh ni air bith oirbh ach ni ceart is iomchuidh dhuibh géill a thoirt doibh gu cridheil togarrach; agus gad a dh’ éireadh dhoibhsan dol am mearachd, agus dearmad a dheanamh air an dleasnas fein, ’s eiginn duibhse na dheigh sin uile [TD 39] bhi ionmhuinn umpa, gar giulan fein d’an taobh le caoimhneas agus foighidinn. Tha cuid de leanabaidh fior dhleasnach ann an làthair am parandan, ach dearmadach air an toil co luath ’sa tha iad as am fradharc; ach thugaibhse fainear mo chairdean òga gu bheil Dia a làthair air gach àm, a’ toirt fainear a leithid so de ghiulan, agus ga chomharachadh a mach mar ni a thoilleas a dhiomb agus a chorruich. Ma thachras d’ ar parandan a bhi lag, uireasbhui’each, no tinn, sann an sin gu h-àraidh a thig dhiubh ur gràdh a thaisbeanadh, ann an cainnt agus an giulan; agus an uair a thig sibh air ur n-aghaidh ann an neart, ’se ur dleasnas saoithreachadh air an son le fallas ur gruaidh ma tha sin feumail, a’ cuimhneachadh nach ’eil peacadh is graineile anns am faod sibh tuiteam na bhi cosg ann an rìomhadh, ann an òl n’ an gòrraich air bith na tha Dia a’ toirt comas duibh a chosnadh, fhad ’sa tha iadsan a thug sibh chum an t-saoghail a’ sìoladh as fo euslainte agus fo bhochduinn. Chum ar brosnuchadh gu bhi mar so dleasnach d’ ar parandaibh, cuimhnichibh ciod a thuirt Dia, Tabhair urram do t-athair agus do d’ mhàthair. A leanabana, ars an t-abstol, bithibh ùmhal d’ar parandaibh. Dh’ fhàg Criosd samhladh agaibh sa chàs so. Bha esan na òige ùmhal da pharandaibh, a thaobh na feola, air a chrann-cheusaidh, fo dhòruinn bàis chunnaic e mhàthair, agus lamh ria na sheasamh an deisciobuil a b’ ionmhuinn leis, dh’ earb e i r’a chaoimhneas, A bhean, a deir Criosd, Feuch do mhac, agus ris an deiscìobuil, Feuch do mhàthair! Iadsan, uime sin, nach’eil dleasnach d’ am parandan tha iad buailteach do fhearg Dhe, tha iad a’ bristeadh àithne, agus a’ dol an aghaidh samhladh Chriosd. Ach a rìs, thugaibh fainear a liughad comain fo ’m bheil sibh d’ar paranda arson a chùraim agus an caoimhneas leis an do fhreasdail iad oirbh ann an laithibh ur ’n òige. ’Nuair bha sibh lag agus anfhann, ’s iad- [TD 40] san a dh’ àraich agus a thog sibh, a dhìon, agus a ghleidh sibh o ioma cunnart d’an robh ur leanabas buailteach. Thug iad duibh lòn, aodach agus fasgadh, shaothraich iad air ur son a là agus a dh’ oidhche; rinn iad faire thairis oirbh an àm ur n-euslainte, le caomhalachd nach do ghabh air àm air bith sgìos. Ghuidh iad as ur leith ri Dia, thug iad duibh foghlum agus ionnsachadh a reir a chothrom a bh’aca; chuir iad focal De ’nar làmhaibh, agus tha iad a nis ag oirpeachadh ur cuir a mach air ur laimh fein mar is fearr a dh’fhaodas iad. Agus, O! nam b’ aithne dhuibhse an iomaguin agus an cùram a dhùisg sibh riamh nan uchd, agus na dh’ fhuiling iad air ur son, thuigeadh sibh gur cruaidhe na clachan na h-aibhne ur cridheachan, mar e miann ur n-anama bhi dleasnach dhoibh. Aon fhocal eile, mo chairdean òga, Nam bu mhiann libh cinneachadh san t-saoghals; meas dhaoine math a chosnadh dhuibh fein, sìth coguis a shealbhachadh, agus thar gach ni deadh-ghean ur n-Athar neamhuidh fhaotainn, thugaibh an aire do na chaidh a ràdh, a’ cuimhneachadh gu bheil malluchd Dhe air a bhagradh an aghaidh na h-òigridh sin a tha mi-dhleasnach d’ an athair no d’ am màthair, agus far a’ bheil malluchd Dhe cha’n ion fiuthair a bhi ri sonas na àgh. Tabhair urram do t’ athair agus do d’ mhàthair, chum gum bi do làithean buan air an fhearann a gheall an Tighearna do Dhia dhuit. 19. Mo Mhàthair. Cò thog mi air a cìochaibh tlà, ’Sa thàlaidh mi gu suain le bàidh, ’Sa dh’ altrum mi na h-uchd le gràdh? Mo mhàthair. [TD 41] ’Nuair a theich an codal fada uam, Cò thog an guth bu bhinne fuaim Air chors gun thuit mi ann am shuain? Mo mhàthair. Cò dh’fhair’ thairis orm gu caomh, ’S mi ’m luidhe anns a chreidhil fhaoin ’Sa shil na deoir le bàigh co caoin? Mo mhàthair. Fo easlainte ’nuair bha mi’n sàs, O àm gu h-àm ni’s laige ’fàs, Cò ghuil le geilt gum faighinn bàs? Mo mhàthair. Cò ruidh gu dian ga m’ thogail suas, ’Sa chogair sgeula beag a’m’ chluais, ’Sa phòg air falbh mo leòn le truas? Mo mhàthair. Cò air ùrnuigh dhùisg mo dhéigh, Do fhocal naomh is latha Dhe, Gu triall ’na shlighe dhìrich réidh? Mo mhàthair. Am faod e bith nach deanar leam, Caidreamh is caoimhneas riut gach àm, A bha cho bhàigheil chaoimhneil rium? Mo mhàthair. Cha’n fhaod—b’e sin a bhi gun truas, ’S ma chumas Dia mo bheatha suas, Cha bhi do chaoimhneas dhomh gun duais? Mo mhàthair. ’Nuair a dh’fhàsas tusa lag sa cheum, Gheibh thu lorg o m’ ghairdein fein, ’S bithidh mi m’ thaice dhuit a d’ fheum? Mo mhàthair. [TD 42] ’Nuair chailleas tu do lùths’ ’s do threòir, Ni mi faireadh ort le deoir, A dh’ oidhche ’s latha bi’dh mi d’ chòir? Mo mhàthair. 20. Mu theachd Chriosd do’n t-Saoghal. ’S MOCH a thuirt am Fàidh Micah agus e air a shoilleireachadh le Spiorad De, “Agus thusa Bhetlehem an tir Iudaih, cha tu idir is lugha am measg cheannard Iuda: oir asadsa thig Uachdaran a stiùras mo shluagh Israel.” Thainig an t-àm sin a nis m’an cuairt, lànachd na h-aimsir anns an robh ’n fhàidheadoireachd so ri bhi air a coilionadh, agus am Mesiah, miann nan uile chinneach gu bhi air a bhreith. Agus tharladh anns na làithibh sin, gun deachaidh òrdugh a mach o Chesar Augustus, an domhan uile a mheas. Thachair so chum gun rachadh Ioseph agus Muire suas gu bhi air am meas, air dhasan a bhi do thigh agus do shliochd Dhaibhidh. Agus tharladh am feadh a bha iad an sin gun do choiliona làithean a h-inbhe do Mhuire, agus gun bhana-charaid gun chobhair, rug i a ceud ghin mic, phaisg i e ann am brat-spéilidh, agus striochdta fo laimh Dhe, mar thige dhi na staid uireasbhui’ich, chuir i na luidh e ann am prasaich, do bhrigh nach robh àit aca san tigh-òsda. ’S ann an so a bha’n sealladh iongantach! Oighreachan tighe rioghail Iudaih ann an cathair Dhaibhidh, cho iosal uireasbhui’each ’s nach d-fhosgail dorus doibh, ni mo thuirt teanga ’nuair bha iad a’ siubhal seachad, le ceum trom, Gum fuasgla Dia oirbh. Ach tha sealladh ann ni ’s iongantaiche na so fhathast, Cruthai’ear an domhain na luidhe ann am prasaich! An t-Athair siorruidh na leanabh! Aosda nan làithean, na naoidhean maoth! Ach gad is ann mar so gun ghreadhnachas agus gun a bheag [TD 43] de àilleachd thalmhuidh a chàramh an naoidhean so sa phrasaich, tha uimeachadh a’ dol air aghaidh ann an cearnaibh eile de’n domhan chum iobairt mholaidh a thairgse do Fhear-saoraidh a chinne-dhaonna. Tha’n àird an Ear ag uimeachadh a tiodhlacan, a h-òr, a tùis agus a mirr chum an càramh aig cosan an leinibh so. Tha druidhean glice na dùcha sin air an dùsgadh gu mothachadh. B’ eolach iadsan air aghaidh nan speur, agus coslas nan lòchrann àillidh a tha dealradh annta, ach feuch, air ball, chunnaic iad solas ùr, reull air nach robh iad roimhe so eolach, a’ gluasad air slighe dhi fein, thuig iad gur i reull Iacoib a bh’ ann, dh’ imich i rompa, air teachdoireachd an àigh gus an d’thainig i, agus gun do stad i os cionn an ionaid san robh an naoidhean na luidhe. Rinn na Drùidhean gairdeachas le aoibhneas ro-mhor; chaidh iad a stigh, fhuair iad an naoidhean le Muire a mhàthair, thuit iad sios agus rinn iad aoradh dha. Ach thugadh teist a b’ àirde air gloir an leinibh so, theiring aingle Dhe, na spiorada àillidh a tha cuairteachadh cathair an Ti is àirde, thainig iadsan a thoirt sanus do dhaoinibh air mòralachd an leinibh sin a bha nis na mhaothran lag fann ann am prasaich Bhetleheim. Bha san tir sin buachaillean a’fantuinn a muigh a’ deanamh faire oidhche air an treud. B’ i so oidhche ’n àigh do na buachaillibh bochda!—Thainig aingeal an Tighearna orra, air éididh le solas a shoillsich dorchadas a mheadhon-oidhche, agus dhealruich gloir an Tighearna m’an timchioll. Am b’ ioghnadh gad a ghabh iad eagal mòr; ach an t-aingeal caomh labhair e riu le briathraibh bàigheil a dh’fhògair gach eagal, Na biodh eagal oirbh, a deir e, oir feuch, tha mi ’g innse dhuibh deagh sgeul a mhòr aoibhneis, an sgeula is aoibhnich a chualas riamh, ach cha’n ann duibhs’ a mhàin, mar g’an abradh e, cha’n ann do aon teaghlach, na do aon dùthaich na fineadh, ach deagh sgeul mhòr aoibhneis a bhitheas do na h-uile shluagh: do Chinnich co math ’s do Iudhaich, do [TD 44] gach rioghachd fo’n ghréin. Ach ciod i ’n teachdoireachd a bh’ aig an aingeal, Rugadh dhuibh an diugh Slanuighear ann am baile Dhaibhidh, neach is e Criosd an Tighearna. Rugadh dhuibhse! a pheacaich bhochda, a dhaoine bàsmhor, Slanuighear, Slanuighear o pheacadh agus o thruaighe, o bhàs agus o leir-sgrios neach is e Criosd an Tighearna, am Mesiah a ghealladh gu moch, air ùngadh leis an Spiorad Naomh, ’s air a chuir air leth o shiorruidheachd chum dreuchd Fir-shaoraidh. Rugadh e, deir an t-aingeal, cha’n’eil e ni’s mò air a leige ris duinn fo shamhlachas dorcha, ach thainig e dh’ ionnsuidh an t-saoghail. Rugadh e ’n diugh, thainig an là m’an cuairt faidheoidh, an là a dh’iarr righrean fhaicinn agus nach fac’ iad. Rugadh e ann am Betlehem, cathair Dhaibhidh, agus uaithe so do thigh agus do shliochd Dhaibhidh a réir mar ghealladh. Cha’n fhaodadh teachdoireachd nan aingeal gun mhisneach agus sòlas a thoirt do na buachaillean. Dh’ innse dhoibh na comharan leis am faigheadh iad a mach Criosd. Bithidh so, deir an t-aingeal, na chomhara dhuibh: Gheibh sibh an naoidhean paisgte ann am brat-speilidh, ’na luidhe am prasaich. Cò a shaoileadh gur ann mar so a thigeadh am Mesiah? ’S ann an so a tha’n taisbean a tha doirbh r’a thuigsinn, màthair bhochd uireasbhuidheach gun charaid—naoidhean fann—prasach na chreidheil dha—am facas riamh irioslachadh cosmhuil ris a so? ach feuch air an laimh eile, cathair rioghail os cionn nan neamha,—umhlachd dhaoine glice o dhùthaich chéin—reull ùr a’ comharachadh a mach na slighe—feachd neamh a’ teachd a nuas, gairdein an Tighearn air fhoillseacha—ciod an ni ach saorsa dhaoine, agus breith an t-Slanuighear a b’urrainn a leithid so de ghloir agus de mhoralachd a dhùsgadh? An deigh do’n aingeal a theachdoireachd a chur ’an céill do na buachaillibh dh’fhàg e iad, agus gu grad bha maille ris cuideachda mhòr de armailtibh neamh a’ [TD 45] moladh Dhe. Cho’-aontaich iad anns an aon fhonn le co’-sheirm bhinn a’ seinn, Gloir do Dhia anns na h-àrdaibh, air talamh sìth, agus deadh-ghean do dhaoinibh. ’Nuair a chunnaic iad gun do thachair an ni a ghealladh o cheann cheithir mìle bliadhna, anns an robh beachd ùr air a thoirt doibh air gliocas agus tròcair Dhe, thog iad an laoidh sin anns an cubhaidh dhuinne le dealas naomh co’-aontachadh. Seinnidh gach sluagh gu h-aon-sgeulach, gloir ion-mholt’ Dhe bhith-bhuain; ’S do’n chaithream éibhinn agus throm co’-fhreagradh fonn is cuan. 21. Aiseirigh Chriosd. B’E sin staid àrd luchd-riaghluidh nan Iudhach, agus deisciobuil Chriosd, agus is ann mar sin a bha gach ni ann an Ierusalem, am feadh ’sa bha Ceannard an slainte na luidhe ann an sàmhchair na h-uaighe. ’S an àm sin cha b’ iad na saighdirean Roimheach a mhàin a bha ’nam freiceadan air an uaigh; bha feachd nan neamh fo ghluasad, dh’éide armailte nam flaitheas a dhìon a chuirp naomha. Bha gach uimeachadh a nis air a dheanamh san dà shaoghal, agus gach ni deas air son an àm san robh gairdein an Tighearna ri bhi air fhoillseachadh. Dà uair chaidh a ghrian fodha air an t-saoghal, is bha gach ni fhathast sàmhach aig an uaigh: Bhuadhaich am bàs air Mac Dhe; gu ciùin tosdach chaidh an ùine seachad; bha na saighdeirean gu furachair a’ faire; dhealruich gathan na gealaich mu mheadhon oidhche air an clogaidibh cinn agus air an airm-chatha. Rinn naimhdean Chriosd uaill—bha gach ni mar a b’àill leo; thuit cridheachan a chairdean fo dhìobhail misnich agus fo bhròn; bha spiorada na glòire a’ feitheamh gu h- [TD 46] iomaguineach, a’ toirt fainear do na bha tachairt, agus a’ smaointeachadh le mòr iongantas air doimhneachd dòighean an Tighearna. Fadheoidh, dh’éirich reult na maidne san àird an ear, a’ toirt sanus do’n t-saoghal gun robh ’n solus a’ dlùthachadh; bha fàir’ an treas là a’ bristeadh, ’nuair gu h-obann a chriothnaich an talamh, eadhon gu mheadhon, agus bha cumhachda nan neamh air an gluasad; thainig aingeal De a nuas; chlisg na saighdirean air an ais roimhe le uabhas, agus thuit iad sios gu làr: “Bha ghnùis mar an dealanach, agus éididh geal mar an sneachda;” charuich e air falbh an leachd o bheul na h-uaighe, agus shuidh e oirre. Ach cò esan a tha mar so a’ teachd a nìos o’n uaigh, le thrusgan dàite o leabuidh a bhàis? Esan a ta glòrmhor na choslas ag imeachd ann am mòrachd a neart? ’Se do cheannard fein, O Shion, a ta ann! A chriosduidh ’se do Thriath fein a th’ ann! “Shaltair e an t-amar-fìona na aonar; tha chulaidh daithte le fuil;” ach a nis mar cheud-ghin o leaba ns h-uaighe, tha e cur fàilte air maduinn aiseirigh fein. Tha e ’g éirigh na ghaisgeach buadhar o’n uaigh; tha e tilleadh air ais le beannachdan o shaoghal nan spiorad; tha e toirt saorsa do chloinn nan daoine. Cha dthug éiridh na gréine riamh là co glormhor a steach—b’e so là ăit-shaorsadh an domhaiu mhoir. Sheinn reulta na maidne le chéile, ’s rinn uile mhic Dhe iolach ghairdeachais. Dh’amhairc Athair na trocair a nuas o chathair-rioghail; le mòr thlachd chunnaic e a shaoghal fein air a thearnadh; chunnaic e gun robh obair uile math. An sin rinn am fàsach gairdeachas; bha aiteas air a chruthachadh gu leir na làthair, ’nuair a theirinn beannachdan an Ti is àirde mar dhrùchd nan neamh, a dh’ ath-bheothacha nam fineachan. [TD 47] 22. Laoidh mu Aiseirigh Chriosd. DH’ éirich Criosd a nios o’n uaigh! Seinnibh, na tha bhos is shuas; Seinn a thalaimh, seinn a nèimh, Cuiribh uile chliu am meud. Obair chriochnaich, ’s chaidh e suas, Chuir e’n cath, is fhuair e bhuaidh; Dh’ fhalbh an smal a bh’ air a ghrein, Is dealraidh i gu sìor na dhéigh. B’ fhaoin a chlach, ’s gach innleachd dhaoin’, Chuir e croinn na h-uaigh mu sgaoil; B’ fhaoin de’n bhàs a ghabhuil sìos, Dh’ éirich e le buaidh a rìs. Feuch a nis tha Iosa beo, Ghabh e còmhnuidh ann an gloir; Thug a bhàs an gath o’n bhàs, Chaill an uaigh a buaidh gu bràth. Aig Criosd a nis tha neart is gloir, Is riaghladh an domhain mhoir; Neamh is ifrinn tha f’a laimh ’S gach ni is neach ri bheil ar daimh. A Righ na gloir! ’se so an t-àgh, Geill is cliu thoirt duit gu bràth; Sìth is réite riut gu sìor, So a bheatha shuthainn fhìor. 23. Crann-ceusaidh Chriosd. THA crann-ceusaidh Chriosd os cionn coimeas na chuspair co dealrach, ’s gu bheil e ’sgaoileadh gloir m’an cuairt da, thairis air gach rioghachd air thal- [TD 48] amh, air feadh gach earrann de’n chruinne-ce, air gach ginealach a bha, ’sa tha, ’s air uile linnibh siorruidheachd a tha ri teachd. Na gniomhara is mò, ’s na nithe is ainmeile a thachair riamh air talamh, cha do lion iad le ’n cumhachd ’s le ’m maise, ach tiota beag de aimsir agus cuibhrionn bheag de’n t-saoghal: tha dealradh àrd a chroinn-cheusaidh do-thomhas a’ lionadh aimsir agus siorruidheachd. Ma làn-bheachdaicheas sinn air a ghloir, mothaichidh sinn e a’ sgaoileadh a chumhachd, ’s a dlù-tharruing ga ionnsuidh aire agus beachd o linntibh a bha, a tha, agus a bhitheas.—O neamh, o thalamh, agus ifrinn, o ainglibh, o naomhaibh, agus o dheamhanaibh.—Chi sinn gur e so àrd-chuspair an iongantais as mò o dhaoinibh, ’s gur sealladh e anns a bheil Dia fein ag gabhail làn tlachd: chi sinn a chuid is fearr de’n chinne-dhaonna, eagluis Dhe, rè cheithir mìle bliadhna, ag amharc le fiuthair ris m’an do thachair e; àil nach d-rugadh fhathast ag éiridh suas a bheachdachadh air le h-urram, o linn gu linn gus nach bi aimsir ann ni’s mò: tha aingle agus naoimh dho-àireamh ag amharc air an ais air le dealas naomha gu linnibh iomallach na siorruidheachd. Faillnichidh gach gloir eile uair na uair-eiginn: ma dh’ atharraicheas gloir a chuspair so ’s ann a mhàin a mheudachadh. A ghrian fein cha’n’eil a solas buan, fàsaidh i, mar gum b’ ann, doilleir le h-aois; ach aig a chuspair àrd so mu bheil mi labhairt, tha co liugha gath glormhor ’s nach cuir siorruidheachd fein as doibh. Fhad ’sa tha naoimh agus aingle a’ cinneachadh an eolas, bithidh dealradh a chroinn-cheusaidh a’ sior-mheudachadh. ’Se mi-chreidimh a mhàin a tha cur grabadh air a shoillse; ’s ann air thalamh a mhàin a tha mi-chreidimh a’ buadhachadh,—cha’n’eil a bheag dheth air neamh no ’an ifrinn. Cha’n’eil teagamh nach cuibhrionn mhòr de shonas nam flaitheas a bhi toirt fainear an doigh air an do chosnadh e; agus antromaichidh e [TD 49] gu mòr peanas ifrinn bhi toirt fainear a chuspair sin a thairig an saoradh uaithe. Bheir e beothachadh ùr do ghathan a ghràidh air neamh, agus bheir e air lasraichean ifrinn losgadh leis a bharrachd uabhais; cha’n e mhàin gun dthoir a dhearsadh barrachd àilleachd do ionadaibh na soillse, ach ruigidh a ghathan rioghachd an dorchadais; bithidh e na chulaidh-iarrtuis do na naoimh san t-solus, bithidh e na chulaidh-oillt do chumhachdaibh an dorchadais ann an rioghachd na truaighe. Tha ghloir a’ toirt atharracha cumhachdach m’an cuairt anns gach ionad ’s a bheil i a’ dealradh. Tha iad-san a tha toirt fainear na gloir so “air an ath-chruthachadh chum na h-iomhaidh cheudna.” Faodaidh an duine dubh amharc fada ni ’s leoir air a ghréin m’an atharraich i a dhuithead; ach ni so e: leaghaidh e cridheachan cruaidhe rèodhte, spealgaidh e creagan, bristidh e stigh roi thiugh dhorchadas: nach ceart a theirear ris “an solus iongantach!” Bheir e sùilean do’n dall gu beachdachadh air, cha’n e mhain do na doill ach do na mairbh; ’se solus na beatha e, solus cumhachdach; tha chumhachd fada thar neart na tairneanaich, tha e ni ’s tlàithe n’ an drùchd air an fheur mhaoth. 24. Fulangais Chriosd. ’S e fulangas mo Shlanuighir A bhios mo dhàn a’ luaidh; Mor-irisleachd an àrd Righ sin, ’Na bhreith, ’s na bhàs ro-chruaidh: ’S e’n t-iongantas bu mhiorbhuilich Chaidh innse riamh do shluagh; Ann Dia bha ann o shiorruidheachd, Bhi fàs ’na chiochran truagh. [TD 50] ’Nuair ghabht’ am broinn na h-Oigh e, Le comhnadh Spioraid De, Chum an nàduir dhaonna sin A dheanamh aon ris fein; Ghabh e sgàil mu Dhiadhui’eachd ’S do’n Bhriathar dhearnadh feòil; A’s dh’fhoillsich an rùn dìomhair sin ’Am pearsa Chriosd le glòir. Rugadh an stàpull dìblidh e Mar dhìlleachdan gun treòir; Gun neach a nochda cairdeas ris No bheireadh fàrdach dho. Gun mhuinntir bhi ’ga fhritheala, Na uidheam mar bu chòir; Ach eich is daimh ga chuairteachadh D’an dual gach uile ghlòir. Mu’n gann bha fios gun d’thainig e, Do dhùisg dha naimhdean mòr; B’fheudar teich do’n Eiphid leis, Roimh Herod bh’air a thòir; Is e co naimhdeil dhìoghaltach Chum Iosa chur gu bàs, ’S gur mharbha leis gach cìochran A bha na rioghachd gun dàil. Bha tuill aig na sionnachaibh Gam folachadh o theinn, Bha neid aig na h-èunlaithe ’An geugaibh àrd na’n crann, Ach esan a rinn uile iad, ’S gach ni sa chruinne-ché, Bha e fein na fhògarrach, Gun chòmhnuidh aig fo’n ghréin. Am feadh sa ghabh an Slanuigh’ear Mar ionad tàimh an saoghals’, [TD 51] Mar léigh ro-iochdmhor fàbharrach Bha leigheas clann nan daoin: ’N aon éucail riamh bu ghàbhuidh bh’ ann, ’S gach galar cràiteach geur, Do thionnda e chum slànuchaidh ’Nuair labhradh e o bheul. Thug teanga do na balbhanaibh, ’S do’n bhacach mhall a lùgh; Do’n bhodhar thug e chlaistineachd ’S do dhaoinibh dall an iùl; Na lobhair bhréin do ghlanadh leis, Cur fallaineachd nam feòil; Is leighis gach eucail anama leis, ’S na mairbh do thug e beo. 25. Mu mhionnan mi-naomha. DE gach droch cleachda da bheil muinntir shean agus òg buailteach, ’s iad mionnan mi-naomha an t-aon is an-diadhaidh agus is dalma—an t-aon is masluiche agus is tàireile,—an t-aon is lugha tuigse agus is lugha dh’fhaodar ga leithsgeul a ghabhail. Gidheadh, mo thruaigh! c’àit an dtheid sinn nach cluinn sinn a chainnt ghràineil sgreitidh sin. Nach tric a chluinneas sinn, cha’n e mhàin clann òg amaideach, ach muinntir a th’ air teachd gu h-aois, a chuir Dia os ceann theaghluichean a tha fo ainm agus fo aidmheil chriosdui’ean, a luadh nan cainnt ghnàthaichte, ainm urramach an De is àirde, gun suim gun umhail; a leige gu fianuis an ainm ghlormhor sin na nithe is faoine; ga mhi-naomhachadh fo’n bhrosnuchadh is lugha, a’ guidhe mhalluchdan air an cinn fein agus dhaoin’ eile, ann an cainnt nach faod gun sgreimh a chuir air neach air bith aig a’ bheil am meas is lugha air mòralachd agus gloir an Ti a chruthaich e. [TD 52] Is furasd olc agus cunnart a pheacaidh so fhaicinn. Tha e taisbeana naimhdeas an aghaidh Dhe; faodar barail a thoirt air staid a chridhe leis a chainnt a thig o’n bheul. Mar tha’n tobar, ’s amhuil a bhios na sruthain a thig uaithe. Tha’n inntinn fheolmhor, ars an t-abstol, na naimhdeas an aghaidh Dhe; ach cha’n’eil aon pheacadh a nochdadh an naimhdeis so ni’s mò na a cheart aon mu bheil sinn a’ labhairt. Tha luchd nam mionn air éiridh mar gum b’ ann ann an ceannairc an aghaidh Righ nan righre. Leis a chleachda so tha iad a’ cur a mhòralachd, a chumhachd, agus ughdarras gun dùlan. Fo’n t-seann-tiomnadh agus fo’n Tiomna-nuadh, tha Dia ann am briathraibh laidir a’ toirmeasg a pheacaidh so. ’S moch a thuirt e le guth o neamh, ann an cainnt a sgriobh e le mheur fein air clàr cloiche, Na toir ainm an Tighearna do Dhia an diomhanas, agus tha ’n àithne cheudna air a toirt duinn air ioma doigh anns an t-soisgeul. Tha Criosd ag ràdh, Na mionnaich idir, aon chuid air neamh no air an talamh, no le mionn air bith eile; agus thug e rabhadh follaiseach dhuinn, nach measar iadsan neo-chiontach a bheir ainm ’an diomhanas; ach arson gach focal diomhain a labhrar, gun dthoirear breith oirn air chionn an latha mhòir. ’Nuair tha Dia ag ràdh nach meas e neo-chiontach esan a bheir ainm an diomhanas, tha sin co’-ionann sa ràdh, gum meas e ciontach e——’se sin, nach di-chuimhnich e iad: taisgidh e suas iad na mheoghair, sgriobhaidh e iad na leabhar. Bheir e aon là chum breitheanais iad; bheir e iad gu cunntas air an son an làthair saoghail co’-chruinnichte, ’nuair a thig am binn a mach, agus a thaosgas e oirre fhearg chum a chuid is faide. ’S gu dearbh anns an t-saoghal so fein, ’s tric a chi sinn breitheanas De a’ teachd orra, ionnas gu bheil moran a tha comharaichte arson a pheacaidh so air an gearradh as ann am meadhon an guidheachain fein; air an sguabadh gu h-obann do shiorruidh- [TD 53] eachd, le malluchadh nam beul, a’toirt toibheum do Dhia; agus trom uallach an ciont, gun aithreachas, gun mhaitheanas, air an cinn. Ann an ifrinn si so cainnt an deamhain agus a chuid aingeal, agus is O! ’s uabhasach an ni e, bhi fòghlum na cainnte so air thalamh, agus ’na lorg so a bhi ’g ullachadh fa chomhair ionad na dòrainn. Tha ’m peacadh so, abradh daoine mar thogras iad, na làn-dearbhadh air iad a bhi an taobh a mach do Dhia, agus iad a bhi neo-iompaichte. Tha eagal De ann an cridheachan a shluaigh, ach iadsan a tha ciontach de’n pheacadh so tha iad a leig fhaicinn nach ’eil eagal nan cridheachaibh. Tha fiamh orra an lathair dhaoine, agus fuirghidh iad o’n pheacadh so, ’nuair a shaoileas iad gu bheil e sgreamhail le aon duine measail san éisdeachd; ach cha’n ’eil fiamh aca roi Dhia, is tairgidh iad easurram dha as an eudann. Buidheachas do Dhia, cha chluinnear a chainnt so a nis ann an cuideachda mheasail air bith. ’S i is cainnt a mhain do’n chuid is suarraiche de’n chinne-dhaonna, a tha smaoineacha gum builich e am barrachd snas air an seanachas; mionnachadh agus malluchadh a bhi do ghnà aig bun ’s aig barr an teanga. Ma se so gne agus cunnart a pheacaidh so, ma tha e co sgreamhail ann an beachd dhaoinibh math, ma tha e co fuathach le Dia, cha’n fhaod e bith nach ’eil am buaireadh a tha teumadh dhaoine ga ionnsuïdh, cumhachdach air mhodh sonraichte, no gu bheil tairbhe ro mhòr na lorg; ach ged is iongantach, gidheadh, ’s fior, nach’eil aon bhuaireadh a’ tarruing ga ionnsuidh, agus ni mò bheil toileachas-inntinn na meas, na tairbhe sam bith a’ sruthadh uaithe; ach air an laimh eile, mulad, nàire agus bàs. Agus a nis, a’ bheil a h-aon agaibhse ciontach anns a pheacadh ghraineil so,—a’ saltairt gu h-easurramach air ainm an ti naomha sin, a tha sibh ag aidmheil mar ur Dia agus ur Slaniughear, agus d’am bheil na h-aingil is àirde air neamh a’toirt [TD 54] aoraidh, le faicill agus le urram naomha? Guidheam oirbh, bithibh air ur n-earalas an aghaidh a pheacaidh mhallaichte sin. Thugaibh fainear ma tha ur cogaisean air an àm so gar ’n agairt air son a pheacaidh so, cia eagallach an staid anns a bheil sibh, leis an dearbhadh a th’ agaibh anns a cheart chleachda so gu bheil sibh fathast ann an staid neo-iompaichte,—fo mhallachd Dhe, abuich arson sgrios—agus gu cuthaichte a ruidh gu leir-sgrios, agus le’r làn-fhiosrachadh fein buailteach do pheanas siorruidh. Dh’ aslaichin oirbh, ann an càirdeas d’ar n-anamaibh rabhadh a ghabhail na thrà; faodaidh sibh a nis uaill a dheanamh as ur teomachd, ann an cainnt a mhalluchaidh, ach tha là a’tarruing dlu ’nuair nach bi e ’n ar comas masladh a chur air Dia ni’s faide. Là anns an tionndar ur gàire gu bròn, agus ur gairdeachas gu dòlas. Faodai luchd nam mionn dol as o dhaoinibh, ach an Dia ris a’ bheil ur gnothach, thuirt e nach meas e neo-chiontach esan a bheir ainm an diomhanas. 26. Mu sheinn Shalm agus Laoidhean Spioradail do Dhia. ’S E seinn moladh do Dhia aon de na gniomhaibh is àirde de aoradh diadhaidh, agus thar chàch uile is cosmhuile ri aoradh nèimhe. Tha’n gniomh so sòlasach agus tarbhach, ’nuair tha daoine ga ghnàthachadh le urram naomha, tlachd cridhe, agus aoibhneas anama. Cò nach d-fhiosraich an cumhachd a tha aig ceòl naomh, ’s aig dànaibh spioradail air an anam? Cò nach do mhothaich an dòigh air a’ bheil an tuigse mar so air a soilleireachadh? Na h-aigneadh air an dùsgadh, an inntinn air a h-àrdachadh, ’s an cridhe air a leaghadh. ’Nuair tha’n inntinn air a suidheachadh gu ceart san obair so, agus ag aomadh leis na briathraibh, agus an cridhe [TD 55] ’gabhail air aghaidh maille ris an dàn, le fior dhiadhachd, ’an sin tha’n tairbhe a tha na lorg air a thuigsinn; ’s tha’n t-anam an sin air a lionadh, an dara cuid, le àrd urram no le suaimhneas ciùin; tha e leaghadh as, ann an doimhne irisleachd, fo bhròn tiòmhaidh, no lasadh an àird ann an gairdeachas buadhar. Ciod an ni, gu dearbh, is cumhachdaiche gus an t-anam àrdachadh os cionn an t-saoghail so, fhasgnadh agus a ghlanadh o thruailli’eachd agus o anabas na beatha so, na co’-àontachadh le càch a chéile ann an aon cho’-sheirm cheòlmhor, le fonn cràbhach, agus an t-anam ann an gleus diadhaidh, gu moladh Dhe a sheinn. A’ bheil aon ni eile a tha gar n-àrdachadh ni’s dlùithe do nèamh, ’gar n-uimeachadh arson cuideachd nam flaitheas, na bhi cleachda sa bheatha so an ni sin o bheil iadsan a’ tarruing na h-urrad shòlais. ’Se righ Daibhidh bha ’gabhail tlachd san obair so; ’s tric esan a’ glaodhaich r’a anam moladh a sheinn do Dhia. “Tha mo chridh,” deir esan “ann am fonn, seinnidh mi oran nuadh do Dhia,” Mosgail mo ghlòir, ’s a shàltair fòs, a chlàrsach dùisg an àird: Air maduinn mosglam fein gu moch, is seinneam ceòl gu h-àrd. Dhia measg a phobuill molam thu; dhuit seinneam measg an t-sluaigh: Oir t’fhirinn is do thròcair mhòr, gu nèamh nan neul chaidh suas. “Tha na Sailm,” a deir Raibeard Kirke, “taitneach, tarbhach; ’s beag nach cosmhuil ri flaitheas air thalamh làn de ainglibh, Cill fhonnmhor le ceòl naomha. Mar abhall-ghort Edein, làn de chrannaibh brìgh’or na beatha, agus de luidhibh ioc-shlainteach, amhluidh an leabhar Sailm Dhaibhidh, a ta na [TD 56] leigheas air uile an-shocair an anama. Tha’n saoghal agus gach beo chreutair a ta ann, na chlàrsuich; an duine, ’se is Clàrsair agus duanaire, chum moladh do’n mhòr-Dhia mhiorbhuileach a sheinn; agus tha Daibhidh do ghnà mar fhear de’n chuideachd a bhios mar so a’ caoin-chainnt gu cèolmhor m’an àrd-Righ.”—Ma rinn Daibhidh naomha fo ’n t-Seann-tiomnadh urrad ghairdeachas ann an reachdaibh agus am maitheas De, nach math a bhuineas e dhuinne aoibhneas a dheanamh fo’n Tiomna-nuadh, aig a bheil a nis a liuthad taisbein glòrmhor mu Chriosd agus a shochairean, agus na beannachdan sin a ta sruthadh uaith d’ar n-ionnsuidh. Bha fàidhean agus naoimh an t-Seann-tiomnaidh ag geur-rannsachadh gu dìcheallach le togradh, agus b’fhada leo a bha iad gun na nithe sin fhaicinn, a tha sinn a nis a’ faicinn. Cunnaic iadsan na nithe sin fad uatha, agus trid sgàile fàidheadoireachd agus cosamhlachda dorcha a tha sinne nis a faicinn neo-chòmhdaichte agus làn-fhoillsichte; air a shon so tha sinn gu bràth ceanguilte gu buidheachas a thoirt, agus moladh Dhe a sheinn. A nis o’n thugadh dhuinn tomhas co ro-mhòr de eolas, agus a liuthad taisbein soilleir mu Chriosd, agus an t-saorsa choisinn e dhuinn; gu deimhin cha’n’eil e ni ’s faide mar fhiachaibh oirn, na beannachda sin a sheinn a mhàin do reir co’-samhlachd dhoilleir faidheadoireachd, am feadh ’s a tha iad againn ann an cainnt shoilleir, ann an làn fhrithealadh an t-soisgeil. A ta e cosmhuil gun robh ’n t-abstol Pòl san inntinn so, ’nuair a dh’ àithn e dhuinn, cha’n e mhàin feum a dheanamh de shalmaibh, ach mar an ceudna de laoidhibh agus de dhànaibh spioradail, chum ’s mar sin gum faodamaid seinn ni’s tréibh-dhiriche, agus ni’s iomlaine, mu ghràdh, fulangas, agus toilltinnis Chriosd. Tha seinn Shalm agus Laoidhean air a bheannachadh le Dia mar mheadhon chum ceangal, dùs- [TD 57] gadh, leaghadh, agus ath-nuadhachadh cridheachan agus beatha dhroch dhaoine feolmhor. Tha mòran leis an òrdugh so air an tarruing gu feitheamh air aoradh diadhuidh, agus chum smaointeach air saoghal eile, a bha caoin-shuarach mu leithid so de smaointean, agus de ghniomharra, mar labhair Diadhair àraidh ann an laoidh naomha, An t-òg ’s an t-aosmhor, gheibh iad math o rann, Nach cuimhnich searmoin, ach mar osag fhann; ’Sa smaointidh feolmhor iompachadh gu luath, Chum iobairt mholaidh thoirt do Dhia nan sluagh. Seadh, ’s ioma droch dhuine a mhothaich anam air a bheothachadh, air a dhùsgadh, agus air a neartachadh ann an diadhachd le bhi seinn Laoidhean, agus dàna spioradail; mhothaich iad an cridheachan a’ leaghadh arson peacaidh, agus an cridhe a’ fàs blàth le gràdh d’an Slanuighear, an uair a sheinneas iad mu fhulangas agus mu bhàs air an son, ’nuair a ni iad sin nan aonar no ’an cuideachd dhaoin eile. Am aonar seinneam anns an fhàsach chian, Far nach robh guth, na glaodh, na aoradh riamh. ’San eireachd seinneam cliu le laoidhibh binn, Mar nuadh Ierusalem biodh làr gach glinn. Is soilleir ri fhaicinn gu bheil an dleasnas agus an gniomh so ann bhi seinn do’n Tighearna, cha’n e mhàin air òrducha ach mar an ceudna ro-chomharaichte air a bheannachadh le Dia, bu chòir dhuinn uime sin misneach ni’s mò a ghabhail anns a ghniomh so, an àite bhi fo nàire daoin’ eile gar cluinntinn. Sheinn Pòl agus Silas gu h-àrd mu mheadhon oidhche an uair a bha iad ann am priosun, agus ’an geimhlibh. Seadh, co àrd ’s gun robh a chuid eile de na prìosunaich air an dùsgadh leis [TD 58] an fhuaim; agus chuala Dia an luath-ghair mar thaisbean e na thròcair dhoibhsan agus do na bha maille riu. ’Slionmhor iadsan a sheinneis orain diomhain, salach agus mi-naomha, ’sa ta coma cò chluinneas iad, agus an nàr leinne moladh a sheinn d’ar Fear-saoraidh gràdhach? Tha e air a radh, gun seinn na naoimh le luathghair air an leabuidh do Dhia, Biodh air na daoinibh naomh an sin ùr-ghairdeachas ’an glòir: Is air an leabuidh seinnidh iad do Dhia le h-iolaich mhòir. Nach truagh gum biodh e feumail aon fhacal a labhairt chum daoin’ a bhrosnachadh gu tlachd a ghabhail san obair so. Gidheadh cia liuthadh h-aon a chìtear air latha sabaid ’an tigh Dhe, tha dearmadach air a chleachda so, nach tog an guth, ’s nach fosgail am beul, gu moladh Dhe a sheinn, a nochda leis an t-sùil luainich, ’s an aghaidh neo-shuidhichte nach ’eil an cridhe sa ghniomh, nach ’eil iad a’ faotainn tlachd sa cho’-sheirm naomha. Agus cia liuthadh fardoch ’sa bheil luchd-aidmheil a Chreidimh Chriosduidh as nach d-éirich riamh fuaim nan salm na fonn spioradail. Nior leige Dia, ars am fior Chriosduidh, gur ann mar so a thachras dhomhsa, Oir, am fad is beo mi molaidh mi, àrd righ mo bheatha ’s m’iùil; ’S an déigh mo bhàis, an saoghal céin cuiridh mi’n céill a chliu. Tra thréigeas nèamh, is muir, is tìr, ’s thig crioch air là is oidhch’, Mo chridhe taingeil seinnidh cliu do Dhia nan dùl a chaoidh. [TD 59] Feadh linnte bith-bhuantachd gu leir togaidh mi òran binn; Ach O! ’s ro-ghoirid bith-bhuantachd, Gu moladh Dhe a sheinn. 27. EARRANN De Dhàn mu’n t-Sàbaid. “Fàilte dhuit a Shàbaid chaoimh! ’S tlàth do thàmh do’n t-saoithreach bhochd, A chuir na sea làithean cian, ’Ga bhuan-chlaidreach le gniomh goirt! Aonarach tròm dh’ith e ’lòn, A shuidhe ’sa bhord am féur; Geug fo blàth, no callaid chrìon, Ga dhìdein o shìon nan spéur. Faic e’n diugh gu seasgair séimh, Ri fois air an làraich ghaoil; A’ furan cuirme gun stràichd, An comunn r’a chàirdibh caoin. ’An comunn muintireach a rùin, ’S éibhinn e toirt cliu d’a Righ; Còmhdach mu ghnùis, sùil ri nèamh; ’S cha’n fhuar-chràbhadh a ghnàs gun bhrìgh. Is fois do fhear cèird an droch neoil; Daingean a dhòigh, ga mòr fhiamh, Gum buannaich e’n aimsir ghearr, Rioghachd ’s nach faic Sàbaid crioch.” Feuch! mar thill e sud roi’n réidh, Is fuaim na chluasaibh o’n téis bhinn; [TD 60] Beumadh chlag bu ghleadhrach pong, O thùr an t-seann aitribh dhuinn. A’ siubhal troi ’n ailbhinn chiùin, Fiamh ait ga dhùsgadh ’s gach cliabh; ’S th’ air còmhnard leachdach nan uaigh Tiugh dhòrtadh an t-sluaigh a’ triall. An t-aosda, ’san crom, ’s an dall, ’S gille nan teum baoth ’na cheann; Euslaint ag àinich le péin, A lamh critheach, ’sa cheum mall! Le farmad tha beachd a shùl, Air leabuidh ghuirm ùr nam fòid; ’Se snàgan gu àros De, Mar-ri sreud nan treum, ’s nan òg. Ge tùrsach iad sud ’s ge tròm, Lasaidh nan cuim fonn gu ceol, A’ dìreadh a steach faraon. Le balbh aoradh do’n BHITH-MHÒR.— Feuch tha na mìltean nan tosd, Seall ga nochdadh Abstol De! Dh’fhosgail e’n Oigheam le gràdh; ’S gun d’ luaidh e reachd àigh nan speur! Eiridh mar chòladh na slòigh, Le salm nuaidh ’s le clàrsaich ghrinn, Cridh a’s beul a’ gleusadh phong, A’ coimeasgadh nam fonn binn.— ALBUINN! gun deanainn riut faoilt; ’S tìorrail leam raointean do ghleann, Feasgar Dòmhnuich th’ air gach tràth, A’ ciaradh mu àrd nam beann. A ghrian a’ tearnadh do’n chnochd, Soills’ òir air choillidh gach bachd; [TD 61] Mis a’ falbh an lòin am thosd, Lion’ar m’ ìoghnadh, mòr mo thlachd: Bhi cluinntinn co’-sheirm na’n gràs ’G éiridh o fhàrdaich a chaoil, Taing ga dhìol do Righ nan Righ Le rùn cridhe o dhream gun ghaoid. ’S ionmhuinn leam sud ’nuair théid tàmh Air gniomh nach àrd-chùiseach gloir, Iall-chadha ga tarruing siar Roi’n fhear liath, ’sa ghluasad foill. An sagart, ’s an t-athair gràidh Ag éuladh roi’n bhlàr leis fein, Gu bruaich ’an iomall a raoin, No ghàrradh beag chraobh nan séud. A chòmhradh r’a Dhia le cliu, Gu cràbhach, dùrachdach, teann, A chionn gu bheil a chrōilein cruinn, Seal mu’m faic a làithean ceann. 28. MU BHREUGAN. Earail do Oigridh. THA e anabarrach feumail, mo chàirde, gun labhair sibh do ghnà an fhirinn. Ma tha sibh co sonadh is gun do ghnàthaich sibh an cleachda so an àm na h-òige, is dual da gun lean e ribh an déigh laimhe; ach ma ghnàthaicheas sibh san àm breugan agus mealltoireachd, ciod ris an ion fiuthair a bhi, ach gum fàs sibh ni’s cealgaiche mar theid sibh an aois? ’Nuair a dh’ éireas duibh aon olc a dheanamh, theagamh gur math libh a chleth, le breug innse d’ar parandaibh no d’ar maighstiribh. Ach bithibh air ur faicill roi a leithid sin do cheilg. Cha bhiodh ann ach aon chiont a chur ri ciont eile, agus mar sin [TD 62] bhiodh ur giulan ni bu mheasa na bha e roimhe. Ach ma ni sibh aideacha saor soilleir, ’s dòcha gur lughaid an aire a bheirear d’ar mearachd; ach ma gheibhear a mach gun d-rinn sibh coire, agus gun d-oirpich sibh a chleth le bréig, is dù gum bi ur peanas ni ’s truime. Ma b’àill libh a bhi saor o bhi cleth ur lochdan le breugan, thugaibh oirp air bhi co neo-lochdach ’sa dh’ fhaodas sibh. Bithibh cùramach m’ar fòghlum agus mur n-obair. Seachnaibh droch chleasachd agus giulan mi-shuairce; agus bithibh cùramach gu bhi ùmhal d’ur pàrandaibh agus d’ur maighistiribh. Ma tha ur companaich olc agus mi-bheusach, theagamh gun iarr iad oirbh am mearachdan a chleth le breugan innse; agus mar dean sibh e, bheir iad beum dhuibh, agus their iad ruibh luchd innse-tuaileis. Ma dh’éireas duibh a bhi ann an tigh far a’ bheil seirbhisich, theagamh gun oirpich iad a thoirt oirbh a shaoilsinn gur ciatach an ni am mearachdan-san a chleth, le bréig innseadh. Gun teagamh, is neo-fhiachail agus mi-chiatach a thig e bhi do ghnà air ur faicill gu mearachdan fhaotainn a mach, ’s an uair a gheibhear a mach iad, a bhi ro-dheonach air an leige ris; ach ’nuair a dh’fheòruichear dhibh mu ghiulan dhaoin’ eile, is còir dhuibh a bhi ’n ar tosd, no an fhirinn shoilleir innseadh umpa. Ma theirear luchd innse-tuaileis ribh air a shon sin, cha’n’eil àrach air. Bithidh do thoileachadh agaibh a smaointeachadh nach do thoill sibh sin a ràdh ribh; agus gur mòr is tàire a bhi ’g innse bhreug, na bhi ’n ar luchd innse-sgeoil. A dh’ aon fhocal, ga b’e ni a bhrosnaicheadh sibh gu breug aithris, na géillibh dhà. Is comharadh air inntinn mhìuthair agus neo-fhiachail a bhi ’g aithris bhreug. Gad a dheanadh e air uairibh ur dìon o ana-goireas, agus theagamh càil-eiginn de bhuannachd a chosnadh dhuibh, cha b’ fhiach an gnothach an dragh. ’S eiginn gum faighear a mach an [TD 63] ùine ghearr luchd aithris bhreug, ’s an sin cha d’thoirear creideas doibh. A thuilleadh air so, tha breugan nam màthair-aobhair air ioma droch-bheirt eile; tha iad a’ fàgail a ghiulain gu h-iomlan mi-mheasail; agus chuireadh iad fodha sibh ma dheireadh ann am beag-toirt agus mi-chliu. Air an laimh eile, thugaibh fainear, a bhuaidh a th’air a bhi ’g innse na firinn. Ciod an toileachadh a bheir e d’ur n-inntinn fein? Nach taitneach an ni dhuibh a chuimhneachadh nach robh sibh ciontach de ni co mi-chliùiteach ri bhi ’g aithris bhreug? Tha gnùis a bhreugaire ga bhrath; tha a shealladh iosal, tha e fo iomaguin, tha sgàth air do shùil a choinneachadh, tha a choslas air fad a leige ris co iomaguineach sa tha e, agus cia fiosrach ’sa tha e air a chionta. Ach cha ruig an neach a labhras an fhirinn a leas eagal a bhi air, agus tha sòlas aig a chridhe, a chionn gu bheil e fiosrach air a thréibh-dhireas. Nach taitneach, ma ta, an ni meas fhaotainn o chàch? agus ciod is luachmhoire n’an fhirinn? Ciod is urramaiche is urrainn duinn a ràdh mu ghille na mu nìonaig òig, mu aon duine no mu mhnaoi, na ’nuair a their sinn, is aon so a dh’fhaodar a chreidsinn anns gach ni, agus leis nach b’ fhiu breug a dheanamh? Tha sibhse fhathast òg, agus theagamh nach aithne dhuibh an sòlas agus an t-sochair a tha ’g éiridh o dheagh chliu; ach, faodaidh sibh mo chreidsinn, ma bhitheas, tre bheannachadh Dhe, an stéigh air a suidheachadh gu bhi ionraic agus firinneach nar giulan trid ur cuairt sa bheatha so, bithidh aobhar agaibh gairdeachas a dheanamh, gun deachaidh gu tràthail a theagasg dhuibh tàir a dheanamh air a bhréig, agus gràdh a thoirt do’n fhirinn. Thar gach ni, thugaibh fainear na tha air a ràdh ann am focal De mu thimchioll bhreug. Ma sheall as sibh air eachdrui nan Iudhach, chi sibh gur breugan agus mealltoireachd a b’ fhìor chionfath air [TD 64] na truaighibh cràiteach a dh’ fhuiling iad. “Meallaidh gach neach a choimhearsnach, gun bhi labhairt na firinn; dh’ fhòghlum iad d’an teangaidh breugan a labhairt, agus iad fein a sgìtheachadh ann an deanamh uilc.—Arson nan nithe so nach tig mise g’an amharc? deir an Tighearna; air a leithid so de chinneach nach dean m’ anam dioghaltas?”* Tha e air innse dhuibh ann an Gnàth-fhocail Sholaimh, gur grainealachd leis an Tighearna bilean nam breug; agus ann an leabhar an Fhoillseachaidh, ge b’e air bith a ghràdhaicheas agus a ni breug nach faod iad dol a steach do nèamh. Smaoinichibh gu dùrachdach, mo chàirdean òga, air na nithibh cudthromach sin, agus na di-chuimhnichibh am feasd, mur dthoir sibh spéis do’n fhirinn, agus fuath a thoirt do gach slighe chealgaich, nach comasach dhuibh Dia a thoileachadh, no bhi air ur gabhail a steach d’a rioghachd ghlòrmhor. 29. Mu Bhreugan. CIA maiseach taitneach ann an cloinn Bhi triall gu tràth san t-slighe cheirt, Bhi seasmhach anns an fhirinn ghloin A chosnas creideas agus feairt. Am breugaire cha’n earbar ris, Gad ’s i an fhirinn tha e’g ràdh; Esan a ni aon olc le fhios Le breig ga chleth gun dean e dhà. Nach cualadh sibh, ’s nach d-fhuair sibh fios, Gur gràin le Dia gach cealg ’n ar sgeul; ’S gun mharbhadh Ananias leis ’Nuair ghlacadh e le breug na bheul. † Faic Ier. ix. 1—16. Isa. lix. 1—4. Hos. iv. 1—3. Mic. vi. 10—14. [TD 65] Mar so a bhean, Sapphira, dh’ eug, ’Nuair thainig i a stigh co mear, ’Sa dhaighnich i co dalm’ a bhreug, Thug bàs an uabhais air a fear. Luchd gaoil na firinn ’s ait le Dia, A labhras i gun cheilg an gràdh, Ach luchd nam breug gum fuadaich e, Gu piantaibh siorruidh bròin is cràidh. Do ghnà air m’ fhaicill bithidh mi, M’an d’thoir mi leir-sgrios air mo cheann; Oir cunntas cruaidh tha’n leabhar Dhe, Air gach breug a dh’innseas clann. 30. Mu Aithreachas. ’S e aithreachas a thaobh Dhe, agus creidimh anns an t-Slanuighear, suim an t-Soisgeil gu leir. Ach ciod anns a bheil aithreachas a’ co’-sheasamh? Is cùis ro-chudthromach so; oir tha gnè aithreachais ann, anns nach’eil slainte a’ dol na cho’-imeachd. Tha bròn ann a tha ’g oibreachadh aithreachais chum beatha, as nach ion aithreachas a ghabhail; agus tha bròn ann a tha ’g oibreachadh bàis. Rinn Peadar aithreachas, chreid e, agus fhuair e maitheanas: Rinn Iudas aithreachas, thuit e ’an eadòchas, agus chaidh e da àite fein. Ghabh Ephraim aithreachas, ghabh e nàire, bha e fo amhluadh, agus fhuair e tròcair: ach cha do phill Iudah riumsa le h-uile chridhe, ach gu cealgach, a deir an Tighearna. Tha aithreachas tràthail ann, mar rinn Iosiah; tha aithreachas anamoch ann mar bh’ aig a ghadhuich air a chrann-cheusaidh; agus tha aithreachas ro-anamoch ann mar bh’ aig an duine shaibhir an ionadaibh na dòruinn. Chur Ahab saic-aodach uime, dh’ irislich e [TD 66] e fein an làthair an Tighearna; ach bha e ’na chealgoir. Rinn Heseciah, air an laimh eile, bròn, ghuil e, rinn e ùrnuigh, agus ghabh Dia ris. Ciod, ma ta, anns a bheil aithreachas neo-chealgach a’ co’-sheasamh? ’Se cheud cheum ann an aithreachas slainteil, mothachadh ceart a bhi againn air ar peacadh, agus air ar staid chaillte a thaobh nàduir. Tha esan a th’air a dhùsgadh le Spiorad na’n gràs, air ath-nuadhachadh na inntinn. Tha sùilean a thuigse air an soillseaehadh, air chor ’s gur leur dha diomhanas an t-saoghail, cunnart a pheacaidh, agus mòr luach nithe siorruidh. Tha beachd firinneach aig air Dia: tha e nis a’ tuigsinn cia glòrmhor, cia gràsmhor ’sa tha e; agus co aithrigh ’sa tha e air a ghràdh agus air an urram is àirde, o gach creutair air nèamh agus air talamh. Tha e ’g aideachadh gu bheil an lagh naomha, firinneach agus math; agus eadhon, ’nuair a tha e ga dhìteadh fein nach’eil e air mhodh sam bith tuille ’s cruaidh. Tha barailean ceart aig an aithreachan air a Shlanuighear beannuichte; aon uair bha e dha mar fhreumh a talamh tioram, cha robh sgeimh no grinneas aige gun amhairceadh e air, no maise gun iarradh e e: ach a nis, tha e faicinn dealradh gloir an Athar ann, fior iomhaigh a phearsadh, agus iomlaineachd na diadhachd. Tha e ga thilgeadh fein aig a chosaibh, ’s a’ beachdachadh air mar Aodhaire, Urras, Slanuighear, agus Fear-saoraidh glòrmhor a phobuill fein. Tha chridhe air ăt le ghràdh, ’s tha deoir a’ sruthadh o shùilibh, ’s e mar so le creidimh ag amharc air Iosa. Cha’n’eil e comasach do’n aithreachas so a bhi air oibreachadh sa chridhe, gun bhròn agus gun mhulad anam a bhi na lorg. Uime sin, tha e gu tric air ainmeachadh san scriobtuir, an cridhe briste, san spiorad brùite. B’aithreachan brònach Daibhidh. Is dùrachdach tha esan a’ guidhe, gum biodh e air ionnlad o pheacaidh, agus gun togadh Dia air dealradh sòlasach a ghnùis, a bha co fad a dh’ eas- [TD 67] bhuidh air. ’Se deoir oighreachd air sùl; faodaidh iadsan, gu dearbh, a bhi far nach ’eil aithreachas, ach cha’n fhaod aithreachas a bhi as an eugais-san. Bu fhrasach a shil deoir na mnà bochda sin aig cosan Iosa, a nigh iad le deuraibh a sùl agus a thiormaich iad le folt a cinn. Cha’n e eagal a tha dùsgadh a bhròin so; ’si ’n t-saighead is géire tha ruigheachd cridhe an aithreachain, gun do chuir e corruich air Dia, agus gu bheil Dia trocaireach. Agus cha’n’eil na tobraichean bròin sin a ruith air àm sam bith co siùbhlach ’s a tha iad a’ deanamh sa cheart àm anns a bheil an t-aithreachan le creidimh a’ cluinntinn Chriosd ag eadar-ghuidhe as a leth, air deas laimh an Athar, agus anns a’ bheil Dia ag ràdh ris, a mhic bi fo dheagh mhisneach, tha do pheacaidh air am maitheadh dhuit. Ach thugaibh fainear gum faod mulad agus bròn, ann an tomhas mòr, a bhi sa chridhe, ’s gun an t-aithreachas slainteil so a bhi na lorg. Faodaidh a chogus a bhi air a dùsgadh, agus agartas laidir a bhi air neach arson peacaidh, ’s gidheadh a bhi gun aithreachas. Faodaidh neach ard dhòchas, agus subhachas anama a bhi aige, agus na dhéigh so uile gun bhi na aithreachan treibh-dhireach. Thugaibh libh, ma ta, gur eiginn do’n fhior aithreachan a pheacaidh a threigsinn, agus gur e so an dearbhadh firinneach. Na bithibh air ur mealladh, thugaibh a mach toradh iomchuidh chum aithreachais. ’S ann air a meas a dh’ aithnichear a chraobh; ’s gus am bi an dearbha so agaibhse, na smaoinichibh gun d’rinn sibh aithreachas. Tréigibh gach peacadh, ach gu h-àraidh am peacadh a tha gu furasd ag iathadh m’an cuairt duibh; sguiribh o olc, foghlumaibh math a dheanamh, a’ cuimhneachadh far a’ bheil gràs an aithreachais ag oibreachadh, gu bheil e do ghnà ga dhearbhadh fein ann an daoin’ a tharruing gu cùl a chur ri ann-diadhachd agus ana-mhiannaibh saoghalta, agus chum an làithean a chaitheamh gu meas- [TD 68] arra, gu cothromach, agus gu stuama anns an t-saoghal. Am bu mhiann libhse aithreachas a dheanamh? cleachdaibh na meadhona tha Dia na fhreasdal a’ cuir nar caramh; leughaibh focal De, feithibh air aoradh naomh, agus air uile òrduighibh an t-soisgeil; bithibh gu tric aig cathair n’an gràs, a’ cuimhneachadh gur e aithreachas saor-thiodhlac an Spioraid Naoimh, a tha e gealltuinn doibhsan a dh’ iarras gu neo-chealgach e, le mothachadh ceart air an anmhuinneachd fein, agus an làn earbsadh a toill-tinneas Chriosd. 31. Co freagarach ’sa tha’n Soisgeul do chor dhaoine. MA ghabhas sinn beachd air an duine mar chreutair a thuit, ’s e ’n soisgeul an t-aon mheadhon a tha freagarrach d’a staid; tha’n diadhachd o’n dthainig e a’ buileachadh air gach ùghdarras a tha meadhon a chum na crìche sin, ag iarruidh, am feadh a tha na dearbhanna mu dhiadhachd ga mholadh gu cumhachdach chum gu’n creid an duine e. Mar is mò a gheur-bheachdaicheas e air, ’s ann is mò a thuigeas e fhior fhreagaruichead d’a chor truagh; tha e na sholus do dhorchadas a thuigse, na shìth do bhuaireas a choguis, na aoibhneas do iomaguin inntinn, na dhòchas do dhubhachas ea-dòchais. A’ bheil e ciontach? Tha e cur an céill Fear-saoruidh uil-fhoghainteach, iobairt-réitich, Dia a bheir maitheanas da. A’ bheil e truaillidh? Tha e fosgladh suas da tobar arson peacaidh agus neo-ghloine—tuil naomha, a tha sruthadh o chrann-ceusaidh an Fhir-shaoruidh—anns am faod an duine dubh e fein ionnlad o shalachar is doirche na a chraicionn dubh. A’ bheil e fada o Dhia? ro-fhada o aon tobar an t-sòlais agus an t-suaimhneis? An so tha dòigh gu teachd am fagus, rathad gu tighinn da ionnsuidh; [TD 69] tha balla meadhoin an dealachaidh air a bhriseadh sìos—tha àirde a pheacaidh air ìsleachadh san duslach; tha ’m mac stròghail air pilleadh, air a ghabhail a steach, maitheanas saor air a thoirt da, agus air aiseag chum an ionaid a bh’aige roimhe ann an teaghlach Athar nèamhuidh, agus nach robh idir air chall o chridhe Athar nèamhuidh. A’ bheil e lan aineolais agus mearachd? An so tha e air a theagasg le fàidh nèamhuidh; tha Spiorad Dhe dha mar chaomh fhear-teagaisg; agus tha’n t-allamharrach neo-fhoghluimte air a dheanamh ni’s glic nan draoidh oileanaichte, glic chum slainte. A’ bheil e ga mhothachadh buailteach do an-tograidh a tha do ghnà ga tharruing air seachran o Dhia? Tha’n Spiorad ceudna a’ gabhail còmhnuidh na uchd chum an-tograidh a cheannsachadh, chum ana-mianna a smachdachadh, chum a thoil a riaghladh, agus an nàdur a dh’ ath-nuadhaich e air tùs, a naomhachadh, agus a bhitheas faidheoidh air a ghlòrachadh maille ri Criosd. Anns gach seadh, tha ’n soisgeul freagarrach dha. A’ bheil e na pheacach? Tha e tairgse dha maitheanas. A’ bheil fiachan air? Tha e buileacha saorsadh air. A’ bheil e an ciomachas? Tha e ga chur fa sgaoil. An do thuit e o bhi na oighre air gloir? Tha e ga aiseag chum a righ-chaithreach, agus ga dheanamh a ris ’na righ agus na shagart do Dhia. A’ bheil e tartmhor? Tha e na amhuinn na beatha. A’ bheil e sgìth? Is culaidh-fhois thaitneach e. A’ bheil e aineolach? Tha e na fhear-teagaisg diadhuidh. A’ bheil e euslainteach? Is slainte neo-bhàsmhor agus beothalachd da anam e. A’ bheil e a’ bàsachadh? Tha e na bheatha shiorruidh dha. Tha gach cuireadh san t-soisgeul fo’n chliu so, mar a chi sibh!—“Ho! gach neach air a bheil tart, thigibhse chum nan uisgeachan; agus esan aig nach ’eil airgiod, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgiod agus gun luach, fion agus bainne. Tha’n [TD 70] Spiorad agus a bhean nuadh-phosda ag ràdh, Thig, agus ge b’e neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor. Thigibh a m’ ionnsuidhse, sibhse uile a ta ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Pillibh, pillibh; c’arson a bhàsaicheas sibh?” Tha; tha’n lagh air a choilionadh, tha ceartas riaraichte, tha iomlaineachdan Dhe a’ co’-chòrdadh ann an saoradh an duine, agus tha Dia ann an Criosd a’réiteachadh an t-saoghail ris fein. 32. Mu na Drùidhean. B’ IAD na Drùidhean rè ioma lìnn Sagairt agus Feallsanaich na Roinn-eòrpa. ’Se ’s ciall do’n fhocal DRUIDH, duine glic. Bha’n òigridh a bh’ air an gabhuil a stigh chum na dreuchd so, ’sa cheud dol a mach air an ainmeachadh Eubages, no na deagh phàistean, bha air an taghadh a mach o na teaghluichibh bu mheasaile san dùthaich, a mhuinntir dhiubh a nochd am barrachd spéis mu fhòghlum, agus gliocas ’nan gìulan. Mar thainig iad so air an aghaidh bha chuid bu teoma dhiubh air an àrduchadh gu bhi nan SEANACHAIDHEAN: riu so bha eachdruidh na dùchadh, agus sloinnteireachd gach teaghlaich ’an earbsa; agus asda so, a réir mar dhearbh iad fein a bhi nan aithrigh air an urram, bha na BAIRD, an treas ceum am measg nan Drùidhean, air an taghadh. B’e gniomh nam Bàrd bhi seinn cliu ghaisgeach, agus a mosgladh an t-sluaigh gu treubhantais. B’iad an Dàin toilinntinn gach cuirm agus cò’-dhail. Bha iad so ann am meas mòr anns gach dùthaich; ’s gu h-àraid ann an Gaeltachd Alba. ’S ann a mach o’n chuid a b’ ainmeile de na Bàird a bha na Drùidhean air an taghadh; ’s o’n àireamh a b’ urramaiche dhiu so bha COIBHI no’n t-ARD- [TD 71] DHRUIDH air a thaghadh. B’esan Ceann-suidhe gach cuideachd, àrd-bhreitheamh gach cùis; o bhinn cha robh dol as: bha’n t-urram a b’àirde air a bhuileachadh air, agus an earbsa bu mhò air a chur ’na chàirdeas agus ’na cheartas. Uaithe so tha sean ghnà-fhocal againn, Ge fagus clach do làr ’S faisge na sin cobhair Choibhi. Bha ùghdarras aig na Drùidhean thairis air gach ni; os cionn laghanna, cleachduinnean, fòghlum agus creidimh na dùthacha. Bha òigridh na tìire gu leir air an àrach fòdhpa; b’e miann clann rìghre a bhi dhiubh; agus bha na righrean fein gu mòr fò’n smachd. ’Nan laimh ghiulain iad slat na drùidheachd: m’ am muineail bha cloch bhoisgeil rìomhach air a suidheachadh ann an òr, gus an dthug iad air an t-sluagh a chreidsinn gun robh éifeachd agus buaidh àraidh innte. Nam breacain bha sèa dathan, an fheadh nach robh aig na righre fein ach seachd. Rinn iad aoradh do aon Dia fo ainm Beil, no Bea’uil, tùs beatha gach ni; ach ge nach d’ aidich iad ach aon Dia fo’n ainm sin, cha b’ urrainn doibh smaointean freagarrach àrach mu nàdur spioradail na Diadhachd. Ghabh iad, uime sin, a ghrian mar an samhladh, air leo, bu riochdaile air a Chumhachd mhòr sin a tha toirt beatha do gach ni. ’Nam beachd, b’i ghrian an cuspair a b’ àillidh, agus bu ghlòrmhoire ’sa chruitheachd air fad. Chreid iad mar an ceudna ann an droch-spiorad, nàmhuid an Ti is àirde, ris an abradh iad an t-abhairseir, no am fear-millidh. Chreid iad mar an ceudna an an neo-bhàsmhoireachd an anama; agus gum faigheadh daoine san ath-bheatha a réir mar thoill iad san t-saoghal so. Thug iad Flath-innis mar ainm air an àite d’an rachadh spioradaibh nan deagh dhaoine an diaigh bàis. ’S an àite shona so bha samhradh do [TD 72] ghnà agus òige gun sean aois.—Bha ghrian ’na h-àilleachd—Bha oiteag chiùin a chéitein agus uisgeachan fiunnar ri torman.—Cha robh gaoth air na sléibhtibh, is cha robh neul air aghaidh nan speur.—Bha ceol binn anns gach doire, agus gach craobh a’ lùbadh fo bhlàth.—Cha chluinnte osna na caoidh ach fiamh-ghàir air gach gnùis, agus buan shòlas a chaoidh ga shealbhachadh. Calg-dhireach an aghaidh so, bha ’n t-ionad ris an abradh iad Ifrinn, àite dorcha, ùdlaidh, mi-thaitneach, air nach ruig dearladh soluis na gatha gréine. Far an robh gach creutair a b’ oillteile agus bu sgreimhile, ’s a h-uile ni a b’ urrainn an inntinn a smaointeachadh gu uabhas a dhusgadh sa chridhe. Bha’n t-àit anns am b’àbhaist do na Drùidhean cruinneachadh arson aoraidh, air a chomharachadh a mach le cuairt de chlacha mòra, ris an abradh iad an Clachan. Tha mòran diu so ri fhaicinn feadh na rioghachd, agus ’s ann uaith so a tha ’m focal Clachan air a ghnàthachadh gus an là ’n diugh, mar ainm air an ionad aoraidh. Ann am meadhon na cuairte, bha gu minic aon chlach mhòr a bh’aca mar altair, ris an abradh iad Crom-leachd, no clach-shleuchdaidh. Bha cuid diu so anabarrach mòr. Bha aig na Druidhean an laithean féille; b’ iad an dithis a b’ ainmeile dhiu so latha Bealtainn agus Sàmhna. Air là Bealtainn, mar tha’m focal a’ cialluchadh (Beil-teine, no teine Bhaail) Bha gairdeachas mòr air a dheanamh, bha teintean air an lasadh air gach cnochd a b’àirde, a chur fàilt air teachd na greine ’na teas agus ’na blàs, a bha aca mar shamhladh air an Dia Beil. B’e ’n t-ath là féill a bh’ac’ an t-Samhuinn, an sàmh-theine, no teine na sith. Bha mar fhiachaibh air muinntir na tìr air fad air oi’che Shamhna gach teine a chuir as gu buileach, agus tighinn a dh’ionnsuidh nan Drùidhean a dh’ iarruidh éibhl-bheothachaidh o’n teine naomh [TD 73] a bha air a lasadh agus air a choisrigeadh leo-san. Ma bha aon neach san dùthaich ciontach de ghnothach olc air bith ’sa bhliadhn’ a chaidh seachad, cha’n fhaigheadh e srad de’n teine naomha so, gus an dthigeadh e fo mheachainn nan Drùidhean. Nan éireadh dha bhi co dàna ’s gu’n cuireadh e’n aghaidh so, bha e air a sgaradh a mach o bheannachd nan Drùidh, binn a b’ eagallaich n’am bàs. Thòisich aoradh follaiseach nan Drùidhean le dol tri uairean deiseal m’an charn, a’ leantuinn mar so slighe na gréine, chum gun soirbhicheadh leo anns gach cuis: agus cha robh peanas bu chruaidh a dh’fhaodadh an Drùidh a leagadh air neach na thoirt air dol tuathael m’an Clachan. Bha na Drùidhean ro chàirdeil ri coigrich; dhoibh-san bha gach dorus fosgailte, agus gach aoidheachd air a thaisbeanadh. Chum na Drùidhean, mar luchd-riaghluidh na dùcha, gach coinneamh air cuirn a bha air an càramh thairis air ciontaich a dhìt iad aig am mòd, agus a chuireadh gu bàs le’n reachd. ’S ann o’n chleachda so a tha iadsan fo bhinn an lagha air ainmeachadh fear fo charn; agus ’s ann o so tha’n guidheachan ag éiridh, ’s oil leam nach robh thu fo charn; b’fhearr leam a bhi fo charn chlach. Mar dhearbhadh air a mheas mhòr a bh’aig daoin’ air na Drùidhibh anns na h-àmaibh dorcha sin, bha iad am barail gun robh rionnag air a cuir a nuas o neamh a choimhneachadh an anama aig àm bàis; ’s ann uaith so tha ’m focal dreug no drui-eug, againn sa Ghaelic; agus tha cuid de dhaoin’ amaideach fhathast an dùil nach luaithe chi iad teine drithleannach de’n ghne so na dhian-shiubhal o’n speur, na smaointicheas iad gu’n cluinn iad ann an ùine ghoirid bàs duine mhòir, no chumhachdaich. Bha na Drùidhean fòghluimte ann am Feallsanachd nàduir, mu ghluasad na gréin is na gealaich, agus mu imeachd nan réultan. Bha’n t-eolas so ro- [TD 74] fheumail ’s na lìnnibh sin, an uair nach robh riaghailt-sdiùraidh eil’ aca: ’sa b’éiginn doibh an gabhail a dheanamh air reul, mar tha’m focal reül (no ruith-iuil) a’ cialluchadh. Cha’n’eil aon ni is mò a leigeas ris duinn innleachd agus eolas nan Drùidhean, na an dòigh anns an do ghiulain iad anns na h-àmaibh sin clochan a bha co mòr ’s gu’n gabhadh iad corr agus ceud each gan tarruing: agus bha iad air an giulan do ionadaibh anns nach b’urrainn eich imeachd, agus air an càramh gu socrach os cionn a chéile: Bha cuid diu so air an toirt sèa mìle-deug air asdar, air uairibh feadh garbhlaich agus ri cas-bhruthach. Tha daoine fiosrach ’am barail gun robh iad làn-eolach air éifeachd luibhean, leis an d-oibrich iad ioma leigheas iongantach. Ann an aon fhocal, cha robh ni sam bith air a mheas os cionn an cumhachd, ach cuid de ghniomhara mòr agus uamhasach nàduir a chuirear amhàin as leth an Uile-chumhachdaich, uaith so tha ’m focal Mior-Bheil no Meur-Bheil againn anns a Ghaelic, arson aon ni a tha os cionn cumhachd cruthaichte. ’Nuair a bheachdaicheas sinn air a chreidimh Dhrùidheach, am meas gus an dthainig e, mar bhuadhaich e ann an ioma rioghachd o lìnn Noaih, gu inbh bhig, a nuas gu laithean Juliuis Chesair, tha e na aobhar iongantais cia mar thilgeadh bun os ceann e. Chuir e cumhachd na Ròimhe ga dùlan, rinn e fanoid rè ioma linn air am feachdaibh ainmeil; ach fadheoidh, thainig solas an àigh do’n Eilean Bhreatunnach, agus thàr na Drùidhean as do na cùiltibh a b’ iomallaiche, is do na h-eileanaibh a b’ uaigniche. Air am fògradh as gach earrainn de Albuinn, thuinich iad fa dheireadh ann an I culaobh Mhuile, ris an abradh iad san àm sin Eilean nan Drùidheach. Dh’éirich an ùr-mhaduinn o’n àird air I agus air lionmhoireachd nan eilean: shearg iad as fo ghathaibh glormhor Grian na fireantachd. Anns [TD 75] an àm sin thainig Calum Cille na churach, le dha-fhear-dheug maille ris; thug esan am buille-bàis do Chreidimh nan Drùidheach, agus las e àrd-lochran an t-Soisgeil, o’n d-fhuair dùthcha agus rioghachdan solas agus eolas a bha roimh so ann an dorchadas agus fo sgàile bhàis. 33. Laoidh Mhic Cealair, MOLAMAID Tighearna na glòir, An Ti is mò na gach neach, Cruthai’fhear an t-saoghail gu leir, Da ’n cubhaidh dhuinn géill air fad. ’Stu rinn an domhan, ’s na bheil ann, Na cuantai domhainn, ’s am fonn: Chuir thu iasg ga altrum ann, Is thug thu ciall gu ghlacadh dhuinn. Rinneadh leat gealach is grian, Thogail fianuis air do ghloir. Cha ’n aithris mi am mìle trian, De chruthachadh an Dia is mò. ’S tu rinn na h-aingil air fad; An droch-spiorad fo smachd gu mòr, Air slabhruidh laidir aig do mhac, Chumail ain-neart o theachd oirn. ’S tu rinn na reultan air fad, ’Riaghlachadh gu ceart nan tràth; Gheall thu faraon fuachd agus teas, Foghar m’ an seach agus màrt. [TD 76] Rinneadh leat an duine rìs. Do réir t-ìomhaigh chum do ghloir: Chaill e ’n oighreachd dhuinn gun luach, Is cha ’n fhuasglar i le h-òr. ’S tu chuir am fradharc ’stigh sa cheann, Is folt theachd troi ’n chlaigeann lom; Thug thu chluas gu éisdeachd dhuinn, Is gluasad a chuirp air fonn. Chuir thu Adhamh ’an codal trom, Chaidh Léigh na ’n gràs os a cheann; Agus de aisne thàin’ o thaobh, rinn A bhean o ’n do ghin gach clann. A stigh ann an Gàradh ciùin nan séud, Far an robh aoibhneas ro àrd: An uair a dh’ ith a bhean am meas, Dh’ fhuiling i ’s a sliochd am bàs. Cha robh a teasargain aig neach, O’n chùmhnant a rinn i bhrist’; ’N trà rùisgeadh an sgeudacha ceart, Bha chùis na h-ion eagail a nis, Ach moladh do Ard Righ nam feart, Leis nach b’àill teachd d’ar sgrios; ’Nuair chunnaic e Adhamh ’na airc, Rinn e cùmhnant na’n gràs ris. Criosd a thainig a nuas le thoil, ’Sa thug suas mar iobairt fhuil; Mac na firinn ghloin. UAN gun lochd, Mar mhòr chiontach fhuair e ghuin. Cheusadh e air a chrann an àird, ’S an t-sleadh sàthait ann na chorp; Crùn geur na péin a bha ma cheann, Fhuair Mac Dhe le naimhdibh lot. [TD 77] Tàirnean gu teann ga’n cuir an sàs, ’Am bosaibh a làmh le h-òrd; Is fuil a chridhe ruidh o thaobh, Ceannachd bu daoire na’n t-òr. ’Nuair chaidh Criosd gu péin a bhàis, A dh’fhulang arson an t-sluaigh, Sgoilt brat an Teampuill sios gu làr, Dhùisg na mairbh an àird o’n uaigh. Chriothnaich an talamh trom lo crith, Is air a ghréin gun dthainig smal; Le feirg Dhe a chrath e ’n sin; Dh’ fhuiling Criosd am bàs rè seal. Dh’ adhlaic iad an t-UAN fo lichd; Thug e buaidh; ’s an uaigh chà d’fhan: As a bhàs thug e a gheur ghuin; Is dh’éirich air an treas là gun smal. ’Na shuidh aig deas-laimh Athar ’ta, Criosda le gràs os ar ceann; A’ cur Oifig Sagairt ’an gniomh, A dheasachadh rioghachd dhuinn. Ach thig an t-àm an dthig Mac Dhe, Creidibh mi gur fior an sgeul; Le mìltibh mìle dh’ainglibh treun, Thoirt oirm breith a réir ar beus. Séidear an Tromp ’an sin gu h-àrd, Leis na h-ainglibh ’s àille snuadh. Eirigh na mairbh an àird o’n ùir, Is gabhar cunntas teann o’n chuan. Liùbhraidh an uaigh na fhuair i fein, Cha bhi neach dhe’n treud air chall; Nochdar iad uil’ am fianuis De, ’Se Mhac fein is Breitheamh ann. [TD 78] Bithidh iadsan soilleir an sin, Mar sholus dealrach ann an dreach; Thig Criosd na’n coinneamh-san le gean, ’S bidh sìth ann an comunn nam flath. Ni thu ’n sin tearbadh air gach neach, Is tearmunn do’n ionmhuinn leat, Mheud ’s a tha air an dearbhadh dhuit, Cuirear fo dhion do chaomh iochd. Cuirear na gabhair air do laimh chli, Triallaidh gu priosun a bhròin; Druidear fòs, is gur cruaidh an sgeul, Flaitheanas De air an sròin. Mallaichidh ’nighean a mhàthair, Mallaichidh mhàthair a chlann; Mallaichidh ’n t-athair am mac, Nach do ghabh mu smachd na àm. Is iomad sgairteachd is gul geur, Ri cluinntinn doibh sgeul a chràidh; A’ malluchadh a chéile gu leir, Gan sgarachduinn o Uan a ghràidh. Ann an teach gam milleadh cuirear iad, ’S iad fo dhioghaltas an Ard Righ; Gun dùil ri furtachd no ri bàs, Gu bràth cha dthig iad a nìos. Fàsaidh an cuirp co cruaidh ri pràis, Mar iarunn an làmh ’s an cas, Ga’n cumail beo ann an sìor-phein, Teine dian gun fhurtachd as. Aon latha dhoibh mar bhliadhnaibh buan, An lagan loisgeach cruaidh an sàs, [TD 79] Gan liodairt le teas agus fuachd; ’S ud an duais cia fhad an dàil. M’ athchuinge riuts’ air sgàth do Mhic, Meudaich mo ghliocas le gràs; Thoir fuasgladh saor dhomh anns gach cúis, Seal m’an druid mo shùil le bàs. 34. Long mhòr nan Eil-thireach. AIR pilleadh dhomh air m’ ais o I Chalum Chille, thainig sinn air an aon fheasgar shàmhruidh a b’ àillidh a chunnaic mi riàmh, do àite tearuinte fasg’ach, a tha ann an ceann mu thuath dhe’n eilean Mhuileach! Air leam, nach faca mi cala loingeas idir, a tha air a dhìon o éirigh fairge agus o chumhachd soirbheis mar tha e. Tha eilean fada caol ga chuairteachadh air an taobh a muigh, a’ sgaoileadh a sgiathan gu cairdeil, m’an cuairt air gach soitheach beag agus long, a tha ’g iarruidh fasgaidh na thaic, o dhruim a chuain, no tha feitheamh ri sìde mara gus an rugha mòr a ghabhail. Air an laimh dheis mar chaidh sinn a stigh, tha’m fearann ag éiridh gu corrach cas; bha sinn a’ seoladh ri bile nan creag, agus geuga nan craobh a’ lùbadh dlù dhuinn, thainig fàileadh a bharraich oirn air oiteig an t-sàmhruidh,—agus bha mìl’ eun beag le’n ceileiribh binn a’ seinn air gach preas, a’ cur fàilte oirn ’nuair a bha sinn a’ seoladh seachad oirre gu réidh sàmhach. Cha robh taobh a thionndain mo shuil nach robh ’n sealladh taitneach, na beannta àrda Morchuanach ’s iad uaine gu’m mullach, Suaineart le chnoichd ’s le thulaichean boidheach—’s an leathar-Morthairneach a’ sìneadh uainn, a’ deanamh gairdeachas ann an blàs an fheasgair shàmhruidh. Aig ceann shuas a chaoil chi mi, [TD 80] —— Bheinn mhòr is àillidh sniamh, Ceann-feadhna nam mìle beann; Bha aisling nan damh na ciabh, ’S i leaba nan neul a ceann. An uair a dhlùthaich sinn a stigh cha robh ri fhaicinn ach crainn nan loingeas, am brataichean a’ snàmh gu fann ris an t-soirbheas, ’s cha robh ri chluinntinn ach fathram ràmh, is torman nan alld agus nan eas, a bha tuiteam o iomad sgàirneach àrd de’n chaladh a bha nis a’ fosgladh gu farsuing romhainn. O thaobh gu taobh de’n tràigh air an dara laimh, tha sràid de thighean mora, co geal ris an t-sneachd, ’s gu grad air an cùl tha uchdach chorrach chas, far a’ bheil an calltuinn, an caorrann agus an t-uinsean, a’ fàs gu dosrach, co dlù dhìreach, os ceann nan tighean tha fòdhpa, ’s gu bheil an geugan, air leat, a’ lùbadh m’ am mullach. Air bràighe a bhruthaich chi thu chuid eile de’n bhaile eadar thu ’s fàire, ionnas gur doilich dhuit àit’ is bòidhiche agus is neo-chumanta fhaicinn. Ach ’s ann a mach sa chaladh a bha ’n sealladh a b’fhiach fhaicinn, na ficheadan soitheach eadar mhòr agus bheag, iomad eithear chaol, le’n ràimh uaine, a bhìorlainn riomhach le siùil gheala, ’s an long-chogaidh le croinn àrda, ’s le brataich rioghail; ach nam measg uile chomharraich mi aon long mhòr a thug barr orr’ air fad; bha iomad bata beag a’ gabhail da h-ionnsuidh, is mhothaich mi gun robh iad a’deanamh deas gu cur fa sgaoil. Bha aon duine leinn a thainig oirn aig culthaobh Mhuile, is gann a thog a cheann fad an latha, a bha nis a’g amharc gu h-iomaguineach air an luing mhòir so. An aithne dhuit, thuirt mi ris, ciod i an long mhòr so? Mo thruaighe, a deir esan, ’s ann domh is aithne; ’s duilich leam gu bheil barrachd ’sa b’àill leam de m’ luchd-eolais innte. Innte tha mo bhràithrean agus mòran de m’ chaomh chairdean, a’ dol thairis air imirich fhada mhuladaich do [TD 81] America mu thuath; agus is bochd nach robh agams’ na bheireadh air falbh mi cuideachd. Tharruing sinn a nunn gan ionnsuidh, oir tha mi ’g aideachadh gun robh toil agam na daoine bla-chridheachs’ fhaicinn, a bha’n diugh a’ dol a ghabhail an cead deireannach a dh’ Albuinn, air tòir dùchadh, far am faigheadh iad dachaidh bhunailteach dhoibh fein agus d’an teaghluichibh. Cha’n’eil e comasach a thoirt air aon duine nach robh a làthair, an sealladh a chunnaic mi’n so, a thuigsinn.—Cha dthig an là a théid e as mo chuimhne. Bha iad an so eadar bheag agus mhor, o’n naoidhein a bha seachduin aois a dh’ ionnsuidh an t-seann duine a bhi tri fichead bliadhna ’sa deich. Bu dèistinneach ri fhaicinn an trom-mhulad—an iarguin inntinn—an imcheist, ’s am briste-cridhe a bha air a dheargadh gu domhain air aghaidh a chuid bu mhò dhiubh a bha ’n so cruinn, o iomad eilean agus earrann de’n Ghaeltachd. Bheachdaich mi gu h-araid air aon duine dall aosmhor, a bha na shuidhe air leth, is triùir no cheathrar de chloinn ghillean m’an cuairt da, a shean ghàirdeana thairis orra, iad a’ feuchainn co bu dlùithe a gheibheadh a stigh r’a uchd—a cheann crom os an cionn, fhalt liath agus an cuaileana dualach donn-san ag amaladh na chéile,—a dheòir gu trom frasach a’tuiteam thairis orra. Dlù dhà aig a chosaibh bha bean thlachd-mhor na suidhe, ag osnaich gu trom ann an iomaguin bròin, agus thuig mi gum b’e a fear-pòsda a bha spaisdearachd air ais agus air adhart, le ceum goirid, le lamhaibh paisgte, sealladh a shùl luaineach neo-shuidhichte, agus aghaidh bhuairte ag innse gu soilleir nach robh sìth na inntinn. Tharruing mi dlù do’n t-seann-duine, agus dh’fheoraich mi dheth ann an caoimhneas cainnte, an robh esan ann am feasgar a làithean a’ dol a dh’fhàgail a dhùthchadh? Mis, a deir esan, a’ dol thairis! cha’n’eil, cha’n’eil! Air imirich cha [TD 82] dtheid mise gus an dthig an imirich a tha feitheamh oirn air fad; agus an uair a thig, cò an sin a theid fo m’ cheann do’n Chill? Dh’fhalbh sibh! dh’fhalbh sibh! dh’fhàgadh mis am aonar an diugh, gu dall aosda, gun bhràthair, gun mhac, gun chul-taic; agus an diugh là mo dhunach, Dia thoirt maitheanas domh, tha thus’ a Mhairi, mo nighean, m’ aon duine cloinne, le m’ òghaichean geala gaolach a’ dol ga m’ fhàgail. Tillidh mis an nochd do’n ghleann ud thall, ach cha’n aithnich mi an lamh a tha ga m’ threorachadh; cha tig sibhse, a leanaba mo ghràidh, a mach an coinneamh an t-seann-duine; cha chluinn mi tuille briagail ur beoil ri taobh na h-aibhne, ’s cha ghlaodh mi tuille, ge nach bu leir dhomh ’n cunnart, fuiribh air ur n-ais o’n t-sruth; ’nuair a chluinneas mi tabhunn nan con, cha leum mo chridhe ni’s faide, ’s cha’n abair mi, tha mo leanabain a’tighinn. Cò a nis a sdiùras mi gu fasga ’n tuim, ’s a leughas dhomh an leabhar naomha—c’ait, an ath-oidhche, ’nuair a theid a ghrian fodha, am bi sibhse a chlann mo rùin, agus cò a thogas leamsa laoidh an anmoich? O! athair, ars’ an nighean, ’s i dlùthachadh ris, na bris mo chridhe.—A’ bheil thu ’n so, a Mhàiri, a deir e, c’àit a’ bheil do làmh? thig ni ’s dlùithe dhomh, m’fheudail thu de mhnài an domhain, is sòlasach leam do ghuth. Tha thu dealachadh rium—cha’n’eil mi cur-iomchair ort, ’s cha mhò tha mi ’gearan: falbh, tha mo làn chead agad, tha beannachd do Dhe agad. Bi thusa mar bha do mhàthair romhad, dleasnach; air mo shonsa, cha’n fhada bhitheas mi; chaill mi’n diugh mo gheugan àillidh, agus ’s faoin an oiteag a leagas mo cheann; ach fhad ’s is beo mi seasaidh Dia mi, bha e riamh leam anns gach cruaidh-chas, ’s cha treig e nis mi:—dall ’s mar tha mi, tha e fein, buidheachas da ainm, a’ toirt domh sealladh air mo charaid is fearr air a dheas-laimh, agus ’na ghnùis ’s leur dhomh caomhalachd agus gràs. Tha mi sa cheart [TD 83] àms a’ faotainn neart uaithe. Tha gheallainne tighinn dachaidh gu m’ chridhe—faodaidh meanglain eile faillneadh, ach craobh na beatha cha searg i.—Am bheil sibh air fad làmh rium, a deir e, éisdibh, tha sinn a nis a’ dealachadh, sibhse a’ dol do dhùthaich fad as, is math a dh’fhaoidte m’an ruig sibh, gum bi mis ’an dùthaich àrd ghrianach, far a’ bheil dòchas agam gu’n coinnich sinn fhathast a chéile, far nach bi imirich na dealachadh a chaoidh, cha bhi, oir cha’n’eil sannt no cìocras òir air neamh. Bithidh sinn an sin gu siorruidh le chéile, agus gu siorruidh le Dia;—siabar gach deur o’n t-sùil, agus bithidh là a bhròin thairis. Bithibh cuimhneach air Dia ur n-aithriche, ’s na tuitibh o aon deagh chleachdadh a dh’ fhòghluim sibh; moch agus anmoch lùbaibh an glùn mar b’abhuist duinn, agus togaibh an laoidh. Agus sibhse, mo leanaba a bha mar shùilean, mar luirg dhomh, sibhse a shaoil mi a chàireadh am fòid ghorm tharam, an éiginn duinn dealuchadh.—Dia a chuideachadh leam—Cha b’ urradh dhomh fuireach ni b’fhaide, bha gheola bha gus an seann duine a ’thoirt gu tir a’tarruing suas ri cliathach na luinge, chaidh iadsan a bha feitheamh air a dh’innse dha gum feumadh e falbh—theich mi uatha, cha robh e’m chomas a bhi’m fhianuis air an dealachadh bhochd. 35. EARRANN II. ANN an deireadh na luinge, bha buidheann dhaoine a thuig mi bu luchd-dùcha air an earradh, agus mhothaich mi o’n cainnt gur ann e aon de na h-eileana tuathach a thainig iad. Bha iad gu geur iomaguineach ag amharc a mach, arson bata beag a bha a tighinn a stigh an rugha fo shiùil ’s fo ràimh; is co’-luath ’s a ghabh i steach do’n chaladh, ’s a rinn i [TD 84] arson na luinge, ghlaodh iad amach, ’Se fhéin a th’ ann,—pìseach air a cheann. Bha aon neach a’ measg nan daoine so a bha a réir coslais na bu mheasaile na càch; ’nuair a dh’ aithnich e ’m bàta beagsa, chaidh e far an robh ’n sgiobair, agus mhothaich mi ’n sin gun do ghairmeadh orrasan a bha shuas anns na crannaibh, ’sa mach air na slataibh siùil, teachd a nuas, agus gun deachaidh stad air an uimeachadh a bha dol air aghaidh chum an long a chur fa sgaoil. Dhlùthaich am bàta, dh’éirich seann duin’ àrd uasal dreachmhor a bha na deireadh, agus le ceum daighnean laidir, ged a bha a cheann co geal ris a chainichean, dhìrich e suas, gun chuideacha sam bith, ri taobh na luinge. Chuir an sgiobair fàilt air le mòr urram. Dh’ amhairc e m’an cuairt da agus gu grad mhothaich e bhuidheann ghaolach a bha ’n deireadh na luinge, agus ghabh e gan ionnsuidh. Dia bhi maille ribh, ars esan, ’nuair dh’éirich gach aon diubh le’m boineid nan laimh, a chur failte air. Shuidh e nam measg, air an luirg a bha na laimh leig e car tamall taic a chinn; agus mhothaich mi gun robh na deòir mhòr a’ sruthadh a nuas air an aon aodann bu taitniche leam fhaicinn a chunnaic mi riamh. Tharruing gach aon diu m’an cuairt da, agus shuidh cuid de’n chloinn aig a chosaibh. Bha ni-eiginn ann an coslas an duine bheannaichte so nach faodadh gun daoine a thàladh ris; bha de mhaitheas agus de chaomhalachd m’an cuairt da, ’s nach faodadh gun mhisneach a thoirt do’n aon bu lag-chridhiche, agus anns an àm cheudna, bha de smachd àrd na shùil agus na bhathais, a bheireadh air an spiorad bu dalma meatachadh ’na làthair. Thainig sibhse, le’r cead, ars iadsan, mar a gheall sibh: cha d’rinn sibh dearmad riamh oirn ann an là ar teinn; tha sinn an nochd a’ dol a ghabhail a chuain fo’r ceann, ’s m’an éirich a ghrian air na beanntaibh ud thall, bithidh sinne gu bràth as an sealladh. Is culaidh-thruais sinn an diugh—là ar dunach!—Na cluinneam, ars [TD 85] am ministeir, a leithid so de chainnt; bithibh misneachail, cha’n e so an t-àm dhuibh meatachadh; cuiribh ur n-earbsa ann an Dia, cha’n ann gun fhios dà-san a tha sibh a’ dol air an turus so; ’s ann na fhreasdal fein a tha gach ni tighinn m’an cuairt; is ann a tha sibh a labhairt mar gum biodh sibh a’ fàgail rioghachd an Uile-chumhachdaich, agus a’ dol far nach ruigeadh a chaoimhneas athaireil oirbh. Mo thruaighe! bhochd, an e so ur creidimh? Tha sin fior, thuirt iad. Ach an fhairge, an cuan mòr farsuing!—An fhairge, fhreagair e,—c’arson a chuireadh sin sibh fo dhiobhail misnich, nach ’eil Dia ri fhaotainn sa chuan co math ’s air tìr-mòr, fo stiùradh a ghliocais, fo dhìon a chumhachd, nach’eil sibh co tearuint air a chuan ’sa bha sibh riamh ann an gleann tiorail? An Dia a chruthaich an cuan nach’eil e dol a mach air a thonnaibh uaimhreach, cha’n éirich a h-aon diu roimhibh gun fhios da; ’se fein a chaisgeas onfha na fairge, tha e mach air a chuan ann an carbad na gaoithe, co cinnteach ’s a tha e ann an neamh shuas, O! sibhse air bheag creidimh, c’ar son a ta sibh fo eagal? Tha sinn a’ fàgail ar dùthcha, fhreagair iad—Tha gun teagamh, ars esan, tha sibh a’ fàgail an eilein san d-fhuair sibh ur togail ’s ur n-àrach; gu cinnteach tha sibh a’ dol air imirich fhada; cha ruigear a leas a chleth, gu bheil ioma cruadal a’ feitheamh oirbh, ach cha d’thainig so oirbh gun fhios diubh. A’ fàgail ur dùthchadh, an dubhairt sibh, a’ bheil ceangal seasmhach aig mac an duine ri aon dùthaich seach dùthaich eile. Cha’n’eil dùthaich bhunailteach againn air thalamh; cha’n’eil sinn air fad ach ’nar n-eilthirich; cha’n anns an t-saoghal chaochlaideach so a tha e air a cheadachadh dhuinn le Dia, an dachaidh sin iarruidh as nach bi imirich. Gun amharus, fhreagair iad, tha sin fior; ach tha sinn a’ falbh mar chaoraich bhochda gun bhuachaille, gun a h-aon ris an cuir sinn ar comhairle, ’s a’ dol [TD 86] fada, fad air falbh. O nam biodh sibhse—bithibh nar tosd, deir esan, na cluinneam a leithid so de chainnt, a’ bheil sibh a’ dol ni’s faide o Dhia, na bha sibh riamh; nach e’n Dia ceudna dh’fhosgail rosga do shùl an diugh, ’s a dhùisg thu a suain na h-oidhche, a tha ’g oibreacha taobh thall an t-saoghail? Cò sheas le Abraham ’n uair a dh’ fhàg e thìr ’s a dhaoine? Cò a thaisbein e fein do Iacob, ’nuair a dh’fhàg e tigh athar, ’sa chaidil e mach air an raon? Mo nàire a dhaoine c’àit a’ bheil ur creidimh? An dubhairt sibh gun robh sibh mar chaoraich bhochda gun bhuachaille; a’ bheil aon leanabh beag lamh rium ’an so, nach aithris na briathran sin, ’Se Dia fein is buachall domh, cha bhi mi ann an dì; nach esan àrd-bhuachaille a chuid caorach fein, a thuirt, na biodh eagal ort a threud bhig, bi fo dheagh mhisneach, oir ’s mise do Dhia. Cha’n’eil gu dearbh, deir easan, tighean aoruidh far a bheil sibh a’ dol, agus ’s dòcha nach ’eil ministeirean ann, ach cuimhnichibh sibhse là an Tighearna, cruinnichibh fo sgàile na creige, na fo dhubhar nan craobh, agus togaibh le cheile laoidhean Shioin, a’ cuimhneacha nach ’eil làthaireachd Dhe fuaidhte ri àite seach àite, gu bheil e ri fhaotainn anns gach àite, leosan a dh’ iarras e gu treibh-dhireach ann an ainm Chriosd: air mullach na beinne is àirde—air bonn a ghlinne is isle, no ann an dubhar na coilleadh is uaigniche, co math is ann am meadhon a bhaile mhòir, na san teampull is dreachmoire a thogadh riamh dha le làmhaibh. Tha gach aon agaibh comasach air focal De a leughadh, mar bitheadh, bu trom mo chridhe, da rìreadh, ’s bu bhronach an dealachadh. Tha fios agam gu bheil Biobuill nar cuideachda, ach gabhaibh uamsa an diugh Biobuill ùra, air an ùr chlo-bhualadh, ann an tomad beag, soirbh r’an giulan, agus cha shuaraiche libh iad gu bheil ur n-ainme sgriobhta orra, leis an laimh sin a bhaist an earrann is mò dhibh, a thogadh iomad uair ann an asluchadh as ur leth gu neamh; agus a [TD 87] thogar fhathast ann an deagh dhòchas ann an ainm Chriosd air ur son, gus an dthig marbhantachd a bhàis thairis orra. Agus sibhse, mo leanaba beaga, am badan lurach de m’ chuid uan, a tha nis ga m’ fhàgail, thug mi d’ar n-ionnsuidhse cuimhneachan beag air mo mhòr ghràdh dhuibh, Dia, gar beannachadh. O! ars iadsan, cia taingeil a tha sinne gum faca sinn sibh aon uair eile, agus gu’n cuala sinn fhathast ur guth. Bha muinntir na luinge gu leir a’ tarruing ni bu dlùithe air an àite san robh e na sheasamh; ma ’s iad na seoladairean fein, ge nach do thuig cuid diubh a chainnt, thuig iad gur gnothach anama a bha dol air aghaidh; bha uiread de dhùrachd,—de bhlàths, de chaoimhneas na choslas agus ’na chainnt, ’s gun do sheas iad gu ciùin sàmhach, agus chunna mi ioma h-aon diubh, a’ cleth nan deur a bha tuiteam a nuas air na gruaidhibh as an dthug iomad latha garbh o chionn fhada an leanabas. Thug an duine beannaichte a chòmhdach-cinn deth, agus sheas e suas; thuig gach aon na bha na bheachd. Thuit cuid diubh air an glùinibh, is dh’-amhairc gach aon air an làr, ’nuair a thuirt e le guth glan fallain, Iarramaid beannachd Dhe, Deanamaid ùrnuigh: O bu chruaidh an cridhe nach leaghadh, agus cha chùis fharmaid an spiorad sin nach gabhadh suim, fhad ’sa bha ’n ùrnuigh dhùrachdach theas-chridheach ga cur suas leis an duine mhath so, a bha a nis e fein air àrdachadh os cionn an t-saoghails’. Is ioma dùile bhochd lag-chridheach a fhuair misneach; thuit a bhriathra mar dhrùchd an fheasgair, is fhuair na meanglain laga fhann fionnachd agus sòlas. Bu trom acain an cleibh ’nuair bha iad air an glùinibh, ’s na h-osnaichean a dh’fhiach iad ri chumail fodha; ach ’nuair a dh’ éirich iad air leam gun robh misneach ùr ri fhaicinn ’nan sùilibh roi cheo nan deuran goirte a bha iad a nis a’ tiormachadh air falbh. Dh’ fhosgail e leabhar nan Salm, is thogadh an t-aon naomh- [TD 88] cheol bu tùrsaiche, bu deuchainniche air gach doigh, gidheadh bu shòlasaich a chuala mi riamh. Rainig an fhuaim thìomhaidh gach long agus gach soitheach sa chaladh—cha robh ràmh a mach nach robh air a phasgadh, cha chluinnte fead no farum, ach an aon sàmhchair bheannaichte, mar a sheinn iad an dara Salm thar an dà fhichead, aig a cheithreamh rann, Tha m’ anam air a dhortadh mach, Trà chuimhnicheam gach ni; Oir chaidh mi leis a chuideachd mhòir, Dol leo gu teampull De. Seadh chaidh mi leo le gairdeachas, Is moladh fòs le cheil’, ’S ann leis a chuideachd sin a bha A’ coimhead làithe feill’. O m’ anam! c’uim a leagadh thu Le diobhail misnich sìos? Is c’uim am bheil thu’n taobh stigh dhiom Fo thrioblaid is fo sgìos? Cuir dòchas daingean ann an Dia, Oir fathast molam e; Arson na furtachd is na slaint’ Thig dhomh o eudan réidh. 36. An Gaedheal a’ fàgail a dhùthchadh. A Ghlinn mo ghràidh, rinn m’ àrach òg, An éiginn t-fhàgail, ’s mi gun treòir; An éiginn domh, ’s do chloinn mo ghaoil, Falbh gun dùil ri tionndadh chaoidh? An éigin domhs’ fa dheireadh triall, Is falt mo chinn ’na dhualaibh liath: [TD 89] Earr mo laithean ruith gu luath, Mar chloich na deann o àird na cruaich. Ceò na h-aois m’am shùilean dall; Mo chosan lag nach gluais ach mall; Air chàileachd fhiodha nach tog fonn, ’S mo chridhe fann air fàs ro-throm. Is faoin domh fein bhi ’g éisdeachd ceoil, Cha dùisgear tuille mi o’n bhròn; Luidh mo ghrian-sa siar fo stuaigh, ’S cha till i dhomhsa chaoidh le buaidh. A bhean mo ghaoil, ’s nam beusa cùin, Na biodh do dheoir a’ ruidh co dlùth; Oir claoidhidh bròn do neart, ’s do chàil, Gun neach bheil iochd no dàimh a d’ dhàil. Is goirt le m’ chridhe do chor, a ghaoil, Aois ga d’ chlaoidh, ’s mi fein gun fheum: An t-àit an d’ fhuair sinn riamh ar leoir, Cha ’n ionad taimh dhuinn e ni ’s mò. Tha muinntir eil’ air teachd d’ ar tìr, Is sìol nan treun ga’n cur a dhì, Sìol nan treun a ghleidh le buaidh, Ar beanntan àrd, a’s tràigh a chuain. Ach thréig iad fein, ’s gach euchd a rinn; ’S tha sinn, an diugh, an sliochd gun sgoinn, Mar chuiseig fhaoin, fo thaom gach sian, Air call ar neart, ar meas, ’s ar miagh. Gluaisibh chlann na muinghinn thréin, ’S gum faigh sibh iochd fo chaochla gréin: Ge caomh libh beanntan àrd ar n-òig, ’S gann gum faic sibh iad r’ ar beo. Triallaibh dh’ ionnsuidh cuan nan stuagh; Ach, Och! mo chreach! cha b’e mo luaidh; [TD 90] B’ annsa luidhe sìos gu ciùin, Mar ri m’ dhàimhich anns an ùir. ’S tric o ’m shùil na deura tròm. ’S mi sealltuinn air gach làrach lòm, Am facas uair mo chairdean treun, Ga fad an diugh gach aon o chéil’. Cha chluinn mi tuille ’n còmhradh gaoil, Moch no feasgar air an raon; Tha ’n gleann a b’ aobhaich fuaim is ceol, Gu tosdach balbh, mar neach ri bròn. C’ àit an deach na h-ògain thréin? C’ àit an deach na h-òighean chaoin? C’ àit a’ bheil an aois gun ghruaim? C’ àit an ceol a b’ àirde fuaim? C’ àit a’ bheil am bord bha fial, Bheireadh do gach acrach biadh? Sgapadh iad le foirneart geur, ’S cha’n’eil a h-aon an diugh le chéil. Fhir a shiùbhlas gleann mo ghaoil, Na meallar thu le briathraibh faoin; Oigh cha ghlac do làmh gu bràth, ’S cha’n iar i thu gu h-ionad tàimh: Cha’n fhaic thu i le cuaich fo chròichd Moch no feasgar teachd o’n chrò, Ni mo a chluinn thu ’ceòlan binn ’Tional ghabhra breachd sna glinn. ’S faoin bhi ’g iarruidh ’n aosda chòir A shuidh gu tric ri taobh an ròid; Sgeul cha’n iarr e uait, no dàn, Cuirm no fleàgh cha sgaoil gu bràth. Ga fann do cheum, ’s ga faoin do dhòigh, Caomh cha’n fhaic thu anns an ròd; [TD 91] Tha àit an tàimh ’na làraich fhuair Fo fhionndaig ghlais, ’s fo chòinnich uain. Iarr san fheur an teach bha fial Is gheibh an stairsneach caitht’ gu trian; Leachd an tein’, ’s a h-aogas ruadh, Fraoch is còinneach fàs mu bruaich. Tha’n cnochdan glas gun ail na dhruim Far an tric a shuidh na Suinn; Far an rùisgeadh iad le chéil An rùn, ’s am beachd, gun tlachd ’am beud. Far an labhradh iad gu fial, Air gach treun a bh’ ann o chian; Sa mhacraidh òg le ìoghnadh gràidh A’ snàmh san sgeul a b’ euchdaich càil. Ach ciod e fàth an fhògraidh gheir? An d’fhuaradh ciontach sinn ’am beud? No ’n do thoill sinn gràin an righ ’Nuair nach faod sinn tàmh ’n ar tìr? Ruinn cha’n fhaodar sin a luaidh, Bha sinn riamh a’ triall ’an uaill; ’S gad a thàinig sinn fo thàir, Cha b’ e ar coireadh b’ aobhar dha: Ach sliochd ar tréin air caochladh nòis, An gaol d’ an càirdibh thug do’n òr; An uaill cha’n’eil an Laochruidh thréin, Tha reachd san àm gan dion o bheud. Ach faodaidh caochladh teachd ri àm, ’S gun iarrta sinn air feadh nam beann; Ach beann na gleann cha d-thoir a h-aon A leanas Armunn dh’ ionnsuidh ’n raoin. Aonaranach fann gun trèoir, Bithidh gach triath gun dàimh ’na chòir, [TD 92] Tréigear e le brosgul baoth, Na’n gealtair cealgach ghlac a mhaoin. Tréigear e ’na àmhghar geur, Gun aon r’a thaic d’a chinne fein: Fada, fada, thall th’ ar chuan, Sgaoilte gheibh e ’m fuigheall truagh. Chi e’n sin le deòir na shùil, Am beud a chinnich leis an tùs, ’Nuair a dh’fhògair e o sgéith, An Laochruidh b’ fhearr a bha fo’n ghréin. Ach gad a shil an deoir gach ial, Aon cha dthig a chaoidh gan dion: Is cuimhne leo gach cràdh a’s spìd, A dh’fhuiling iad m’an d’fhàg an tìr. Dubhach cianail biodh an gleus, Mar eun na h-oidhche ’n còs leis fein; Gus an claoidhear annt le bròn, Gaol an airgid ghlais san òir. Gus ann till an gràdh san t-iochd, Is dual do athair thoirt d’a shliochd; ’S gum faic gach triath gur fearr na tréin, Na mìllte uan a mìle treud. Ach ’s cian m’an lìonar rìs na glinn, A dh’òigridh ghlan, mar bh’ann ri m’ linn; Amhluidh darag a thuit le gaoith, Is fad m’am fàs a faillein maoth. Faodaidh samhla teachd ri àm, Ach ’s lag an gaol, ’s is faoin an làmh, Sliochd nan treun cha’n éighear dhiubh, ’S san dàn cha chluinnear chaoidh an cliu. Ach cò a chi mi thar an raon? Cò, ach bràthair ciùin mo ghaoil; [TD 93] Sgeul gu beachd aige o’n tràigh, Cluinneamaid e uaith gun dàil. An éiginn duinn bhi triall a ghaoil, Na sgaoileadh suas na seoil ri gaoith? No ’m faod sinn tàmh a nochd sa ghleann, ’S an d-àraicheadh sinn fein, ’s ar clann? Tha siùil ri croinn gan sgaoileadh shuas, Is gaoth nam beann ag iarruidh chuain; Tàmh ni ’s faid’ cha’n fhaodar leinn, Ach iarramaid gun dàil na tuinn. A chlann mo ghràidh cha dàil ni’s mò; ’S éiginn falbh ’s cha’n ann d’ar deòin; Ar cnuic, ar glinn, ’s ar beanntaidh àrd, Fhàgail faoin gun chaoimh ’n an dàil. Slàn le féidh nam fraoch-bheann àrd, O’n suain cha ghluais mi iad gu bràth; Slàn le earbag bheag o’n raon, ’S faoin a geilt mu meannan maoth. Slàn le eoin is moiche seinn, Slàn le beanntan àrd, ’s le coill, Slàn le gabhra breac nam bruach. Slàn le caoraich, is le uain. Slàn le m’ theach bha farsuing fial, ’Sa chòmhladh nach do dhruideadh riamh; Slàn le leacan far na h-uaigh, Fo bheil mo dhaimhich ciùin nan suain. Slàn le Albuinn ghleann is chnochd, Oir ’s eiginn dhomhsa triall an nochd, Gun dùil am feasd ri cois air t-fheur, Mo chreach! mo chràdh! ’s e fàth mo dheur. [TD 94] 37. Mu Chalum Cille. RUGADH an duin’ ainmeil so ann an Eirinn; thainig e o theaghlach rioghail na Dùthcha sin, agus bha e mar an ceudna ’an dlù-dhaimh do righribh na h-Alba. B’e athair Felim mac Fhearghuis, is b’ odha e do Niall uaibhreach, righ mòr na h-Eirionn. Rugadh e anns a bhliadhna 521.; a nuas o òige thaisbean e urrad tùir agus toirt-fainear, urrad de dhiadhachd agus de thuigse cheart, ’s gun chuireadh air leth e o àm a leanabais arson ministireachd an t-soisgeil; agus ghnàthaicheadh na h-uile mheadhon chum foghlum iomchuidh a thoirt da, freagarrach arson na h-oifig chudthromach sin. Bha e air a chàramh fo na daoine b’ fhòghluimte r’a linn; thug e bàrr gu luath air gach aon a bha maille ris; ’s bha chliu gu moch a mach air feadh na tìre. Bha e greis fo chùram an naoimh ainmeil sin Ciaran; esan a thainig na dhiaigh sin a nall do Albuinn a shearmonachadh Chriosd, ann an Ceann-tìre Earra-ghael, an duine math sin o bheil Loch agus sgìreachd Chille-ciarain san dùthaich sin air an ainmeachadh. Man robh Callum Cille ochd-bliadhna fichead a dh’ aois shuidhich e eaglaisean ’an Eirinn, ’na dhiaigh sin chaidh e thairis gu tìr-mòr na h-Eorpa. Bha e ainmeil san Eadailt agus san Fhraing, arson fhoghlum agus a bheusan. Dh’ fheuch righre na Frainge ri chumail aca fein, agus anns an dòchas sin rinn iad geallaine mòra dha; ach thuirt esan riu, B’ fhearr leam gu mòr a bhi feumail ri m’ linn na bhi saibhir, air sgàth Chriosd, agus arson mo ghràidh dha; dhealaich mi ri m’ bheartas fein; chuir mi cùl ri m’ oighreachd fein, ’s cha bu shuarrach i, ’s cha dùgh dhomh nis gun sanntaichean beartas dhaoin’ eile. Cha’n’eil fios cinnteach c’ uin a phill e air ais do Eirinn. Bha ’n t-eilean san àm sin a sealbhachadh [TD 95] solus an t-soisgeil ann an tomhas àrd; bha e làn de dhaoine diadhaidh saoghalta, am fad ’s a bha Albuinn sa cheart àm sin na fàsach fiadhaich, ann an aineolas, agus fo shaobh-chràbhadh muladach. Mothaich an Naomh Calum dha so le truas, agus ge nach robh fàth a dhòchais ro-mhòr, chuir e roimhe dol a mach mar abstol do na cearnaibh dorcha sin. Leis a bheachd sin dh’ fhàg e dhùthaich anns a bhliadhna 563. agus ann an curach beag, le dhà-dheug de luchd-leanmhuinn thaghta ghràdhaich, rainig e ’n t-eilean uaigneach sin cùlthaobh Mhuile, ris an abair iad o’n àm sin I CHALUM CHILLE. Bha ’n duine math mu bheil sinn a’ labhairt a nis dà bhliadhn’ agus dà fhichead a dh’ aois, bu chudthromach an obair a ghabh e os laimh, agus b’ uabhasach na doilghidis a bha ’na rathad, cha ’n ann gu dearbh gun anabharra neart inntinn agus colladh a thigeadh dha an oirp idir a thoirt. Bha muinntir, na h-Alba san àm sin ann an staid choimheach bhorb; bha iad suarach m’a naomhachd an duine bheannuicht, ’s gur tric a shùnraich iad a chur gu bàs. Bha righ na Dùthcha cosmhuil r’a chuid daoine. A cheud uair a thainig Calum Cille dh’ ionnsuidh a Lùth-chuirt, a bha san àm sin aig ceann na h-aird-an-ear de Loch-nis, dh’ àithn e ’n dorus a dhruideadh na aodunn, ’s gun an aoidheachd choitchionn a thoirt da fein no dhoibhsan a bha maille ris. Bha sagartan nan Druithneach adhartach saoithreach ann an cur na aghaidh, bha iad teoma, seolta, innleachdach, agus cumhachdach, agus bha uachdarain na dùthcha air an taobh. Bha ’n dùthaich fein san àm sin mar aon fhàsach mhòir, gun slighe no rathad tearuinte tre na coilltibh tiugha dorcha; agus bha na monaidhean farsuing, làn de bheathaichean fiadhaich a bha ’n iompais iomad agus iomad uair an Naomh so a mhilleadh agus a sgrios, mar a bha e ’g imeachd o chearna gu cearnadh ann an obair a Thighearna. A thuilleadh air so, bha e fein na ghiulan agus na [TD 96] chleachda cho fada dealaichte o mhuinntir na dùthcha ’s nach faodadh e gun bhi mi-thaitneach leo. B’ abhuist dà trosg fad làithean, a bhi na chaithris ri ùrnuigh fad oidhchean; bha e air a cheusadh do’n t-saoghal, agus bu shuarach leis toileachas-inntinn na beatha. Chuir e cùl ris na nithe sin, a tha daoin’ eile a’ meas neo-chiont agus feumail. ’Nuair bha e Sea-bliadhn-deug agus trì fichead b’e ’n t-ùrlar fuar bu leaba dha ’s a chlach chruaidh bu cheann-adhart dha. Ach a dh’ aindeoin so uile bhuadhaich e na shaothair, agus sin ann an tomhas miorbhuileach. Fad cheithir-bliadhn’-deug-thar fhichead shaoithrich e a’ socrachadh eagluisean, agus a’ craobh-sgaoileadh eolas Chriosd. Ra linn fein chunnaic e creidimh nan Druithneach air a chur fodha, rioghachd na h-Alba air a h-iompachadh gu aidmheil an t-soisgeil. Bha eaglaisean air an socrachadh ann an iomad cearna, agus thairis orra air fad eadar Albuinn agus Eirinn bha e fein na uachdaran. Tha daoine foghluimte ag innse dhuinn gun do shocraich e na latha fein tri cheud euglais, agus gun do stéighich e ceud tigh Manaich, agus ann an eachdruidh na h-Eirionn tha e air a ràdh ruinn nach robh aon duine riamh a rinn na h-urrad de chraobh-sgaoileadh an t-soisgeil ann an Eirinn ris ach Gille-Pàdraic àrd Naomh na Dùthcha sin. Bha meas mòr air anns gach àit an deachaidh e, fad as, agus dlù do làimh; ’nuair a dh’ fhàgadh e eilean fein ’s a rachadh e mach air feadh na tìre, chruinnicheadh sluagh na dùthcha ’na dhéigh, ag iarruidh a bheannachd ’s a dh’ éisteachd r’a theagasg. Ma ’s e eadhon an t-àit an robh e chòmhnuidh bha e air a mheas naomh; agus b’e iarrtas deireannach, ugus miann righre fad linne a bhi air an adhalacadh ann, agus codal a bhàis a ghabhail ann an ùir an eilean shonadh sin. Gu cinnteach bha e na lochrann mòr na latha fein, bha beannachd Dhe air mhodh ro-àraidh an cois a shaoithreach. [TD 97] EARRANN II. ANN an eachdruidh Chalum Chille tha sinn a’ leughadh gun robh e air mhodh àraidh misneachail agus làn de eud naomh. ’Nuair a thainig e nall a h-Eirinn bha e làn eolais air gach cunnart agus doilghiodas a bha roimhe; ach cha do tharruing e air ais, ghuidh e air Dia deich-bliadhna fichead a chur r’a bheatha, chum saoithreacha ’na obair fein; agus bha dòchas aige, trid còmhnadh an Uile-chumhachdaich, anns an ùine sin gum buadhaicheadh e anns na bha na bheachd. Bha e comharraichte arson a ghliocais, cha’n fhaodar dearbhadh ni ’s laidir a bhi againn air so, n’ an dòigh iongantach air an do choisinn e sìth, agus càirdeas nan rìghrean uaibhreach, borb a bha r’a linn. An dòigh san do chum e suas uachdranachd thairis air ceudaibh eaglais a bha fo riaghladh, ann an rioghachdaibh a bha dealaichte o chéile ann an cainnt agus ’an cleachda; mar an ceudna, an doigh anns an d-àraich e a cho liutha òigridh thainig a ghabhail fòghlum fodha; agus am modh anns na thagh e aodhairean arson co liutha eaglais ’sa bha ’n earbsa ris. Cha ’n ann gun ghliocas mòr a bha so r’a dheanamh, air dhoigh a chosnadh meas agus urram dha o gach tìr, a bha meudachadh fhad ’s bu bheo e. Leis gach beus eile, tha e air innse dhuinn, gun robh aige cruth àrd dreachmhor, aghaidh shuilbhearra, thaitneach; guth smachdail cumhachdach, a b’ urrainn da air uairibh a thogail mar thoirm tairneanaich: is tha Abdomnan ag aithris ann an eachdruidh a bheatha, gu ’n cluinnt e gu soilleir dlù do mhìl’ air astar a’ seinn shalm. Ach ’s ann arson a chràbhuidheachd, agus a dhiadhachd a bha ’n duin’ ainmeil so co comharaicht. ’Na uile chainnt agus ’na ghiulan gu leir bha’n spiorad so ’n uachdar. Ghiulain e air inntinn anns gach [TD 98] cò’dhail agus gach àm mothachadh daighnean beo air gnà làthaireachd agus sùil-choimhead an Tighearna. An àill leat, arsa Coibhai an t-Ard-dhrùidh ris air co’-dhail àraidh, seòladh a’ màireach, air an treas là, fhreagair Calum, m’ as deonach le Dia ’s gum bi mi beo. Cha ’n urrainn duit, a deir an Drùidh, bheir mis air an stoirm éirigh, agus air a ghaoith séide ann ad aghaidh,—sgaoilidh mi ceò agus dorchadas m’ an cuairt duit: Fhreagair an duine naomh e, Tha na h-uile ni fo smachd an Uile-chumhachdaich, ’na ainmsan tha mi gabhail gach ni os laimh; fo stiùradh a fhreasdail théid mi mach ’s cha bhi eagal orm. Bha spiorad na diadhachd r’a fhaicinn ’na uile ghiulan. Bha bheatha air a caitheamh ann an ùrnuigh agus ann am moladh; moch agus anmoch, ge b’e àit am bitheadh e, cha do leig e aon là seachad gun ùrnuigh fhollaiseach a chur suas—a’ measg naimhdean, luchd-fochaid agus maguidh, bhuadhaich e sa chleachda so. ’Nuair nach robh fardoch os a cheann, na fasgadh thairis air, ghlòraich esan Dia le aoradh riaghailteach agus follaiseach; a bharr air so, bha àmaibh àraidh aige arson ùrnuigh dhìomhair—’na sheomar fein—’na euglais fein, anns an lagan uaigneach, ann an sàmhchair na h-oidhche, ’s gach aon m’an cuairt da nan suain, b’ àbhuist dha-san anam a dhòrtadh a mach ann an ùrnuigh do’n Dia a chruthaich e. Tha aon àit ann an eilean I far am bu ghnà do’n duine naomh so mòran da ùine a chaitheamh ann an co’-chomunn ri Dhia agus ri Shlànuighear. Tha ’n t-àit air a chomhrachadh gus an là ’n diùgh fo ainm Cnochd nan aingeal, a thaobh a bharail a bh’ aig daoin air a chuideachda ghlormhoir a bha ’g iathadh mu thimchioll air na h-àmannaibh naomha sin. Cha do ghabh e riamh ni air bith os laimh, ni mò thòisich e air obair sam bith gus ’n do ghuidh e air tùs soirbheacha o Dhia. ’M an rachadh e stigh na charbad beag dh’ asluicheadh e bean- [TD 99] nachd an Ti sin a b’ urrainn a chumail o thuisleadh. Ma chaidh bainne na buaile seachad air gach là, cha deach e riamh seachd air gun a bheannuchadh. ’Nuair chitheadh e’n t-arbhar a’ teachd fo dhéis, gu ma beannuichte, ars esan, gun robh Dia arson a mhaitheas: ge b’e àird as an séideadh a ghaoth, bha esan taingeil, oir bha caraid éiginn na bheachd gan robh i freagarrach. Cha deach e riamh a stigh a dh’ amharc caraid caomh nach robh h-alelui na cheud fhàilte; agus bha cuirm spioradail aig anam m’ an d-fhuair a cholainn lòn. Tha e againn uime ann an eachdruidh, gun deachaidh e air àm àraidh a dh’ amharc an naoimh urramaich sin Kentigern, a bha chòmhnuidh san àite sin far a bheil Baile mòr Ghlaschu air a thogail; ’nuair a dhlùthaich e air an tigh san robh na Manaich a chòmhnuidh, chaidh iad uile mach ga choinneachadh, le laoidhibh naomha, is thainig esan ’sa chàirdean air an adhart a’ seinn h-aleluia bhinn. An ìoghna ge do chinnich obair an Tighearna ann an laimh an duine so, a bha co dùrachdach, eudmhor, sheasmhach ann an ùrnuigh. Am fear-teagaisg a tha mar so a’ caitheamh a làithean dhàsan tha gach ni comasach. EARRANN III. BHA Calum Cille ’na chonaltradh co stòlda mothaichte ’s gu bheil e air aithris uime, nach cualas riamh e labhairt focal faoin, ’s nach deachaidh e riamh a null no nall o’n fhirinn ghloin, ann am feala-dha na da rìreadh. Mar so choisinn e meas righrean; sodul no miodal cainnte cha do chleachd e riu air àm sam bith. Dh’ fheòraich Aogh righ Eirinn deth, ‘An saol thu,’ deir esan, ‘am bi mis air mo thearnadh:’ ’S gann duit, arsa Calum Cille, [TD 100] mar atharaich thu do chaithe-bheatha; mar dean thu aithreachas trà agus trèibh-dhireach, ’s mar bi thu ’d dhuine nuadh o so a mach. Mar bha conaltradh Chalum Chille spioradail, bha a chaithe-beatha feumail. Na uile ghniomharaibh thaisbein e gum bu duine le Dia e: bha naomhachd do Dhia, agus feumalachd do dhaoinibh follaiseach na uile dheanadais. Bha meas so aig daoin’ air. Dh’ fheoraich Aidan aon de righre na h-Alba dheth, ‘Cha leir dhomh,’ a deir esan, ‘lochd na mearachd a’ d’ ghiulan, ni mò bheil faoineachd a’ d’ chainnt; ach innis domh a’ bheil aon togradh chum peacaidh ann ad chridhe?’ Fhreagair Calum Cille e mar bhuineadh do Chriosduidh, Is duine mi, agus mar thachras do gach duine, tha m’ an-tograidh agus m’ ana-mhianna fein a dùsgadh an taobh a stigh dhiom; ach cha ghabhain do rioghachd, seadh, an saoghal ’s na bheil air uachdar, agus le m’ fhiosrachadh géilleachduin do a h-aon diubh. Bha chaoimhneas agus a chàirdeas do gach aon comharaichte, d’an anamaibh agus d’an corpaibh; bha e co fialuidh ’s gum faodadh aon neach leis am b’àill teachd a dh’ ionnsuidh thighe gun chuireadh gun sgàth, agus fuireach maille ris am fad ’s bu mhiann leis. Cha robh ni sam bith a chuir triobluid air, ach dìorras agus cruadhs’ a pheacaidh; na h-osnaich is doimhne dh’ éirich o chridhe, ’s ann an uair a chluinneadh e mu bhàs peacaich gun iompachadh; ach do’n aithreachan thruagh, do luchd a chridhe bhriste, bhrùite, bha anam do ghnà làn de thruacantas. B’e gràdh do anama dhaoine an togradh bu laidire bha na chridhe, agus seirc agus caoimhneas do na bochdaibh an t-aon a b’ fhaigse. Thog Naomh urramach eaglais àrd dhreachmhor, agus ’nuair bha i crìochnaichte thug e a thriuir chaomh chompanaich ga faicinn, Ciaran, Coinneach, agus Calum, ‘Innsibh dhomh,’ deir esan, ‘Cò leis bu mhiann libh an [TD 101] eaglais so a bhi làn, nam faigheadh sibh ur n-iarrtas.’ Fhreagair Ciaran air tùs, B’ fhearr leam gum biodh i làn agam de dhaoine naomh. a sheinn moladh do’n Dia bheo: ‘Air mo shons,’ a deir Coinneach, ‘bu mhiann leam i bhi làn de leabhruiche naomh, a gheibheadh mòran de dhaoine fòghluinte r’an leughadh, chum gum biodh an sluagh air an teagasg, agus air an dùsgadh gu seirbhis a dheanamh do Dhia.’ ‘Agus bu mhiann leamsa,’ deir Calum, ‘gun robh a làn agam de airgiod agus de òr, leis an togainn eaglaisean, agus tighean do na Manaich, agus leis am fuasgluidhean air uireasbhuidh nam bochd;’ ‘agus dhuitse,’ deir an naomh a chuir a cheist orra, ‘dhuitse bheir Dia cumhachd a dheanamh mar is àill leat.” Bha iochd agus a chaoimhneas comharaichte, cha’n ann a mhàin do dhaoinibh, ach do na h-ainmh’ibh a b’ isle. Thainig Ceann-feadhna àraidh latha d’a ionnsuidh, agus d’ asluich e air a bhiodag aig’ a bheannachadh. Ghabh Calum i ’na laimh, agus thuirt e, Deònaich a Dhe nach dthig an latha a dhòirtear leatha fuil duine na beathaich. Bha e na sheasamh là air cnochd àrd ann an I, agus chunnaic e ian ag itealaich a nall o Eirinn, ’s e air a chlaoidh co mòr ’s gum b’eiginn da luidhe air uchd na tuinne m’an d’ fhuair e gu tir: imich, arsa Calum, ri h-aon de na Manaich a bha maille ris, far a’ bheil an t-ian bochd ud, thoir a dh’ionnsuidh an tighe e, beathaich e gus am fàs e laidir gu dol air ais da dhùthaich. Rinn am Manach mar dh’ iarradh air; agus thuirt Calum caomh ris, arson do chaoimhneis agus t-aoidheachd do’n ian bhochd ud, Gum beannaicheadh Dia thu, mo bhràthair gràdhach. Ach cha’n ann an duìlleaig na dha de leabhar beag mar so, a dh’ fhaoidte eachdruidh an duine mhath so a chur sios. Tri bliadhna m’an d-eug e, thuig e gun robh e dlù air a chrìch,—thug e ioma sanus mu so d’a chàirde: Aon là, gu h-àraidh, ann [TD 102] an toiseach an t-samhruidh, chaidh e, ’se lag, ’na charbad beag, gu ceann eil’ an eilean far an robh na Manaich ag obair, dh’innis e dhoibh gun robh e gu dealuchadh riu an ùine ghearr; agus air dha fhaicinn gun robh iad fo thriobluid, thug e na h-uile misneach a dh’ fhaod e dhoibh. Bha’n t-eilean gu leir na shealladh; ghairm e iad ma thimchioll, an sin chuir e suas, air an son, ùrnuigh dhùrachdach, a’ guidhe, Gum beannaicheadh Dia an t-eilean gràdhach so agus na tha air uachdar; agus a deir esan, bithidh e air a bheannachadh, agus soirbhichidh libh am feadh sa bhios sibh cuimhneach air Dia. Ochd laithean an diaigh sin, chaidh e le Diarmad a stigh do’n t-sabhal, far am fac e cnatag mhòr shìl; Taing do Dhia, ars’ esan, a dh’òrduich pailteas air a bhliadhna do m’ Mhanaich ghràdhach, agus mi gam fàgail. Air là a bhàis thuirt e ri Diarmad, ’S e ’n diugh là na sàbaid, ’s e sin là na fois: ’s gu cinnteach bithidh e na là fois dhomhsa,—’se ’n diugh là ma dheire de m’ thurus sgìth—tha cuairt mo chéilidh dlù air bhi seachad. A nochd air mheadhon oidhche, théid mis air turus mo shinnsir. Dheonaich thus’ a Dhe uile ghràsmhoir am fiosrachadh so dhomh; agus ’se uile iarratas m’ anama a bhi maille riut. Ghuil Diarmad gu goirt: tiota beag an diaigh sin, thill e stigh ga sheòmar, agus chuir e seachad beagan da ùine ann an leughadh leabhar nan Salm. Chaidh e san fheasgar a stigh do’n eaglais an àm na h-ùrnuigh; thìll e na dhiaigh sin a dh’ionnsuidh a thighe, agus shuidh e air taobh a leapach, a’ toirt earail air Diarmad a bhriathra deireannach innse do na bràithribh. ’Se mo ghuidhe as ur leth, a chlann ionmhuinn, gum bi sibh beo ann an sìth, gun gràdhaich sibh a chéile ann an seirc anama; agus ma ni sibh so mar is cubhaidh do naoimh a dheanamh, an Dia sin a tha na thaice d’a mhuinntir fein, seasaidh e sibh anns gach càs, cha dìobair e sibh a chaoidh. Tha mis a nis a’ dol a chòmhnuidh maille ris, agus ’s i m’ ùrnuigh ’an [TD 103] glac a bhàis gun deònaicheadh e fein duibh cuibhrionn iomchuidh de nithe na beatha so, agus co’-roinn àrd de’n t-subhachas shiorruidh a dh’ uidheamaich e dhoibhsan a bhios dìleas gu bàs. Na dhiaigh so bha e na thosd, gus ’n do bhuail an clag air mheadhon oidhche, an t-àm a b’ abhaist de na Manaich cruinneacha chum ùrnuigh. Dh’éirich e gu grad, rainig e ’n eaglais roi chàch, agus leig e e fein sios air a ghlùinibh aig an altair, bha Diarmad na dhéigh, chaidh e stigh m’an do lasadh an solus, a’ glaodhaich le guth ard muladach, O Athair! Athair! c’àit a bheil thu? Athair chaoimh! c’àit a bheil thu? Fhuair se e na shìneadh air aghaidh aig an altair. Shuidh e laimh ris, agus thog e cheann air uchd; thainig na bràithrean a stigh le solas, ’s an uair a chunnaic iad an athair spioradail a’ toirt suas an deo; thog iad suas aon tuireadh mhuladach, thìomhaidh. Bha e mothachail fathast. Dh’amhairc e m’an cuairt da le sìth, agus àrd shòlas na ghnùis, dh’fheuch e ri’m beannachadh, agus le còmhnadh Dhiarmad thog e a làmh ri nèamh.—Dh’fhàillnich a chainnt—Thill anam chum an De o’n dthainig e. Gad a bha e marbh, bha choslas mar neach a bhiodh an an suain chiùin. Sheinn iad laoidh, agus ghiulain iad a chorp chum an tighe, Chum iad an uachdar e fad thri làithean, laithean a chaidh iad ann an aoradh tìomhaidh milis do Dhia. Bha corp an duine naomh so air a chàramh ann an anart geal, air a chur ann an caisil-chrò, no mar theirear ciste-mhairbh, a dh’ uimicheadh air a shon; bha e na dhiaigh sin air a chàramh anns an ùir, gu éiridh fadheoidh chum gloir shiorruidh air là na h-aiséirigh. Mar so chaochail Calum Cille air an naothamh là de mhios meadhon an t-sàmhruidh, sa bliadhna 597, air dha bhi seachd-bliadhna-deug agus trì fichead a dh’ aois. Tha e nis maille ri Aithrichibh, Fàidhean, agus Abstoil, agus na mìlte de naoimh, a tha air an éididh ann an trusgain gheala, air an nigheadh ann [TD 104] am fuil an Uain, ’sa tha ga leantuinn ge b’e taobh a théid e. Gun dthugadh Dia dhuinn uile gràs gu feum a dheanamh de eachdruidh an duine so, chum bhi air ar brosnuchadh gu bhi ’nar luchd-leanmhuinn orrasan a tha nis tre chreidimh a’ sealbhachadh nan geallainne. AMEN. 38. I Chalum Chille. BUINIDH an t-Eilean ainmeil so do Sgìreachd an Rois Mhuilich. Tha e tri mìl’ air fad, agus mìl’ air leud. Chaidh sinn gu tìr aig camus nam Martireach, an t’-àit anns am b’ àbhuist doibh cuirp nan daoine a dh’ adhlaiceadh san eilean so a chuir air tìr. Beagan os cionn a Phuirt so tha àit air a chuairteachadh le seana bhalladh cloiche, ris an abair iad Clachan nan Druidhneach, far am bu ghnà do na Druidhnich bhi air an adhlacadh, ri linn an eilean so bhi aca, m’ an dthainig Calum Cille, ’sa luchd leanmhuin ann; oir ann an sean eachdruidh Eirinn, ’se eilean na Druidhneach a b’ ainm dha. Ghabh sinn air ar n-aghaidh a dh’ ionnsuidh tighe nan Cailleacha-dubha. Bha’n eagluis aca so ochd-troighe-deug agus dà fhichead air fad, agus fichead troigh air leud. Tha leachd-lighe na ban Aba a bha ma dheireadh san eilean so ri fhaicinn a stigh air ùrlar na h-eagluìs; tha a cruth air a shnaithe air an lichd: tha aingeal air gach taobh fo thaic a cinn: air ceann eile na lichde tha dealbh na h-Oighe Muire, le coron air a ceann, an Naoidhean IOSA ’na gàirdeanaibh, a ghrian agus a ghealach os a cionn, ga comharrachadh a mach mar bhann-righ nèamh; agus air a sgrìobhadh aig a cosaibh, tha’n ùrnuigh so ann an Laidinn, A Mhuire naomh, Guidh air mo [TD 105] shon. M’an cuairt air an lichd tha air a chuir sios sa chainnt cheudna, ’Na luidhe ’an so tha Ban-tighearn Anna ni mhic Dhòmhnuill ’ic Thearlaich, a b’ àrd bhan-Aba ann an I, ’s a chaochail am bliadhna 1511, a h-anam tha sinn a’ tiomna do’n Ti is àirde.—Tha leachdan na’n Cailleacha-dubha eile air taobh a muigh na h-eagluis; agus astar beag uatha ann an cùil leatha fein, tha piuthar bhochd na luidhe nach do sheas dìleas da bòid. Air an t-slighe chum na h-eagluis àirde, tha crois Mhic-a-leathain, clach eireachdail air a snaithe gu h-innleachdach. Bha e ’na chleachda cumannta anns na lìnnibh sin, croisean dhe ’n t-seorta so a thogail, math a dh’ fhaoidte chum an ainm agus an cuimhn’ a chumail suas; agus is dòcha mar thaisbeanadh air meud an urram dhàsan a cheusadh air a chrann. Tha e air a ràdh gun robh tri cheud agus tri fichead dhiu so aon uair san eilean; ach gun do mhilleadh a chuid bu mhò dhiu le òrdugh ard-sheanadh Earra-gha’el, agus a chuid nach do mhilleadh mar so dhiu, thugadh air falbh, agus chithear iad gus là ’n diugh ann an iomad àite feadh na rioghachd. Rainig sinn roilig Orain, cladh farsuing làn de leachda-lighe, fo’m bheil righre agus cinn-fheadhna, agus ceatharnaich a bha cumhachdach agus ainmeil nan latha fein, a’ cadal taobh ri taobh ann an suain a bhàis. Ann an so tha’n t-àit’ ris an abair iad iomaire nan righ, far a’ bheil ochd agus dà fhichead de righre na h-Alba; cearthar de righre na h-Eirinn, ochdnar de righre Lochlann, agus a h-aon na dhà de righre na Frainge. Air cuid de na leachdan tha ainm nan daoine tha fòdhpa sa Ghaelic, mar air lichd Dhòmhuill fhad-chosaich, air cuid eile dhiu tha na h-ainmean sa chainnt Eirionnaich, mar air lichd Mhurchaidh a Ghuinn. ’S i ’n eagluis bheag a tha’n roilig Orain a cheud tigh a thog Calum Cille san eilean so. Aig ceann na h- [TD 106] àirde deas dhi, tha crùiste Lachuinn ’ic Ionmhuinn athair an Aba; agus leachd Aonghuis òig ’ic Dhòmhuill, tighearn Isla agus Chìnntire, an triath urramach sin a chuir an cath le buaidh le Raibeart de Bruce, air blàr ainmeil Bhanocburn; dlù dha so tha uaigh agus leachd Ailein nan sop, ceatharnach de Chloinn-an-leathain, o’n dthainig teaghlach Thorloisg. Tha leachd Thighearna Chola an so mar an ceudna, le chlogaid ’s le lùirich, ’s Mac-an-leathain Dhubhairt agus Lochabuidh, Mac Guaire Ulbha, agus Iain Beaton an t-olla Muileach le’n suaicheantas ’s an airm chatha os an cionn. A bharr orrasan tha àireamh mhòr de laoich thréin leis am bu mhiann an ainm a bhi air chuimhne, ach bha ’m beatha mar shlighe na saighid o’n speur, a shiubhlas gu luath seachad, agus air ball tha air a dhruideadh a suas. An iar-thuath de dhorus na h-eagluis so tha leachd mhòr anns a bheil dòirneagan cruinn ris an abair iad clacha-bràth, a b’ àbhuist doibh ann an laithibh an dorchadais a thionnda m’an cuairt air mhodh àraid, gu h-amaideach a’ creidsinn nach dthigeadh latha bhràth na deireadh an t-saoghail gus am biodh an leachd sin air a caitheamh gu buileach roimpe. Tha’n eagluis àrd taobh na h-àirde tuath de’n chladh so, tha i cuig-troighe deug agus cuig fichead air fad, agus tri troighe fichead air leud. Tha tùr àrd dreachmhor ag éiridh na meadhon, is tha na h-uineagan air an snaidhe gu h-ealanda. Air cuid de chlachan barra-bhalladh an tighe so, tha dealbhan agus cuid de eachdruidh a Bhiobuill air a ghearradh gu ro-innleachdach. Bha altair de mharmor geal aon uair san eagluis so, ach bhristeadh i, agus thugadh gu buileach air falbh i, le bhi gu faoin a’ smaointeachadh gun robh buaidh agus éifeachd àraid fuaighte ris a mhìr bu lugha dhi. Lamh ris an altair tha uaigh an Aba Mhic Ionmhuinn, air a’ bheil leachd a thug barr air gach aon eile ma thimchioll. Air ùrlar na h-eagluis tha leachd Mhic Leoid Dhun- [TD 107] bheagain, agus iomad aon eile air nach’eil eachdruidh aguinn. Air cùlaobh na h-eagluis so, tha làrach tigh nam Manach, far a’ bheil na clacha dubha a bha aon uair co ainmeil ann an Gaeltachd Alba air am b’ àbhaist d’an uaislibh an cumhnantan a nasgadh le mionnan os cionn uaigh Chalum Chille. Dlù do thigh nam Manach tha tigh an Easpuig, far an do ghabh Easpuigean Earraghael còmhnuidh, an déigh do’n eilean Mhanach a bhi air a dhealachadh uaithe. Tha ri fhaicinn an so iarmad nan liosan a bh’ aig na Manaich far an robh mòran de luibhean iocshlainteach. Tha làrach a mhuilinn agus na h-àthadh fhathast air a chomharachadh a mach; tha’n t-àite san robh ’n linnidh-mhuilinn a nis gun uisg’ ann, agus ’s ann aisde tha iad a nis a’ tilgeadh na mòine tha iad a’ losgadh. Tha e cosmhuil gun robh callaid àrd chloiche ma thimchioll na h-aitreabh naomh so, gu h-àraid aig an taobh mu thuath, chum an dion o’n luchd-creachaidh a thainig orra o’n àird sin, aig nach robh ach beag suim de dhiadhachd na de dhaoine math a bha thàmh san àite sin. EARRANN II. Is tìomhaidh muladach na smuaintean a dhùisgear anns an inntinn ’nuair ghluaisear tre na làraichean aosmhar. Is firinneach a labhair esan aig an robh ’n cridhe gu so a thuigsinn, agus a chainnt bu shnasmhoire gu chur an céill. “Bha sinn anis, a deir an t-Olladh Sasunnach, “a’ seasamh air an Eilean ainmeil sin, a b’ àrd-lòchran fad lìnnte do Ghaeltachd na h-Alba; as an d-fhuair Cinnich fhiadhach, agus ceatharna bhorb sochairean eolais, agus beannachdan na saorsadh,—Cha bu chomasach ged a dh’ fheuchta ris, an inntinn a thogail o na smaointean a dhùisg an t-àite so, agus b’ amaideach an oirp, ged a bhiodh e comasach. Ge b’e [TD 108] ni a thàirneas sinn air falbh o chumhachd ur ceud-faithean; ge b’e ni a bheir do na tha seachad o chian, na de na tha fhathast ri tachairt, làmh-an-uachdar air na tha làthair, tha so ag àrdachadh ar n-inbh mar bhithibh tuigseach. Gu ma fada uamsa agus o’m chàirdibh an Fheallsanachd reòta a dh’ aomadh mi gu gluasad gu caoin-shuarrach eatrom thairis air aon àite a dh’ fhàgadh urramaichte le gliocas, le fearalachd, na maise. Cha chulaidh-fharmaid an duine sin nach mothaicheadh a ghràdh ga dhùthaich air a neartachadh air blàr catha Marathon, no a chràbhadh a blàthachadh measg làraichean briste Iona.” Agus co esan a bha riamh san àite so, agus aig an robh cridhe, nach do mhothaich so. Tha chuid is mò de na leachdan a nis gu dearbh air am folach fo’n ùir; ach tha gu leoir fhathast ri fhaicinn chum gliocas a tharruing uatha. Chi sinn an oirp a thug daoin’ uaibhreach gus an ainm a chumail air chuimhne, ach mo thruaigh, cha ’n i ’n eachdrui tha air a’ deargadh air leachd-lighe, a chosnas an cliu nach dtheid as, no a dh’ fhàgas an t-ainm neo bhàsmhor; ’s iad na h-ìonracain a mhàin a chumar an cuimhne shiorruidh. Iadsan aig a’ bheil an ainm sgriobhta air neamh, is coma c’àit an càirear corp na daoine sin, cò dhiù ’s i’n leachd-lighe rìomhach na fòid ghorm a chuirear thairis orra;—faodaidh daoin’ an di-chuimhneachadh ach bithidh iad ann an cuimhne shiorruidh fa chomhair Dhe. ’Se so a chosnas an cliu nach searg. Cha’n’eil gach cuimhne thalmhaidh ach gearr: bithidh gach teangadh a’ luaidheas ar cliu ann an latha na dhà balbh. Na litrichean a tha air an gearradh air a chloich is buaine, no air an deargadh le peann iaruinn air a chreig is maireannaich, ann an lìnn na dha, cha bhi ann an comas na sùil is géire a leughadh: tuitidh an leachd na smùr, agus fàillnichidh a chreag fein, ach cliu, agus ainm nan naomh a chaoidh cha chaochail. [TD 109] ’Nan luidhe sa chladh so, ’s cinntich mi gu bheil iomad aon a bha suarrach m’a chéile fhad sa bha iad beo, seadh, a’ co’ strìgh ’sa cath an aghaidh a chéile; Cinn-fheadhna thréin, le’n ceatharnaich ghaisgeil, a sheas air an aon bhlàr-chatha, agus theagamh a thuit le claidheamh nan ceart daoin’ a tha nis nan luidhe san ùir r’an taobh. ’S i so, gu deimhin, thuirt mi, Tìr na dì-chuimhn’, far nach ’eil othail no strìgh.—Ma bha leapuichean na h-uaighe riamh tosdach, sàmhach, ’s ann an uaigneas fàsail Iona! Tha lag is laidir, beag is mòr, Co’-shìnte ’n so le chéil’; Tha naimhdean sàmhach taobh ri taobh, Is luchd na co’-strìgh réidh. Co’-ionann coidlidh iad air fad, Fo ghlasaibh teann a bhàis, Gu’n uair a ghairmear iad le Dia, Na fhianuis là a bhràth. O chionn ioma lìnn bha ’n t-eilean ainmeil so far an robh a choilion duine naomh, agus diadhair urramaichte, agus a cho’-pàirtich solas an t-Soisgeil do dhùchaibh agus do rioghachdaibh eile, air fhàgail e fein gun eaglais, gun fhear-teagaisg suidhichte, no aoradh follaiseach, ged a tha àireamh mhòr shluaigh a chòmhnuidh ann. Bu chianail an t-atharracha so do I, is bu neo-chliùiteach e ri aithris; ach tha linn is fearr a’ teachd m’an cuairt. Tha e air innse gun dubhairt Calum Chille, tamul beag roi àm a bhàis, I mo chridhe, I mo ghràidh, ’An àite guth Manaich bi’dh géim bà; Ach m’an d-thig an saoghal gu crìch, Bithidh I mar a bhà. Thainig a cheud chuid de’n fhàidheadoireachd gu h- [TD 110] eagnuidh m’an cuairt, ach co dhiù bhios I gu bràth co urramaichte ’s a bha i, tha e deacair a ràdh. Ann an atharraichean an t-saoghail chaochlaidich so, cò is urrainn innse ciod a dh’fhaodas tachairt; ach ge nach ’eil e ro choslach, gum bi I gu bràth mar bha i ri linn Chalum Chille, gidheadh, is sòlasach ri thoirt fainear gu bheil sa cheart àm so eagluis a rìs ga togail ann an I, agus an ùine ghearr gum bi Neach ann ris an canar Ministeir IONA! ’Se dùrachd m’ anama gum bi esan, agus gach aon a tha saoithreacha san obair cheudna, anns na cearnaibh gràdhach sin, nan spiorad agus ’nan giulan cosmhuil ris-san air an d-ainmichidh an t-Eilean so; air an lasadh le gràdh do Dhia, dìleas do Chriosd, dùrachdach arson math anamaibh. Nach mòr an t-aobhar taing a th’ againn leis an obair bheannuicht’ a tha nis a’ dol air a h-aghaidh sa Ghaeltachd agus ’an Eileanaibh na h-Alba. Cha’n’eil gleann tìorail no innis uaigneach anns nach bi fuarain fhionnar de uisge beo ar fhosgladh: Air a shon so ni am fàsach gàirdeachas agus lionmhoireachd nan Eilean bi’dh iad ait. Canaibh do’n Tighearn òran nuadh: Air ainm biodh luadh ’s gach àit’; Feadh muir, is tìr, is innse cian, Biodh moladh Dhe gu bràth. A chaithir mhòr! is fhàsach fhaoin! Molaibh araon ar Dia; ’Sa mhachair thugaibh moladh dha, ’S na bheil ’n ar tàmh feadh shliabh. Seinnidh gach sluagh gu h-aon-sgeulach, Glòir ionmholt’ Dhe bhith-bhuain; ’S do’n chaithream aoibhinn agus throm, Co’-fhreagradh fonn a’s cuan! [TD 111] 39. An Claigeann. ’S mi m’ shuidh aig an uaigh, Ag amharc mu bruaich, Feuch! Claigeann gun snuagh air làr; Do thog mi e suas, ag tiomach gu truagh, Ga thionndadh mu’n cuairt a’ m’ làimh. Gun àille gun dreach, Gun aithne gun bheachd, Air duine theid seach ’na dhàil; Gun fhiacail ’na dheud, no teanga ’na bheul, No slugan a ghleusas càil. Gun ruiteag ’na ghruaidh. ’S e ruisgte gun ghruag; Gun èisdeachd ’na chluais do m’ dhàn, Gun anail ’na shròin, no àile de’n fhòid, Ach lag far ’m bu chòir bhi àrd. Gun dealradh ’na shùil, No rosg uimpe dùn, No fradharc ri h-iùl mar b’àbh’st, Ach durraga crom, a chleachd bhi ’s an tom Air cladhach dà tholl ’nan àit. Tha’n t-eanchainn bha d’ chùl, Air tionndadh gu smùr, Gun tionnsgal ri sùrd air d’fheum; Gun smuainteach’ a’ d’ dhàil Mu philleadh gu bràth A cheartach’ na dh’fhàg thu d’ dheigh. Cha ’n innis do ghnùis, a nise cò thù Ma ’s righ no ma ’s diùbhc thu fèin; ’S ionann Alastair mòr is tràille dh’ìth lòn, A dh’ eug air an òtrach bhreun. [TD 112] Fhir deanamh na h-uaigh Nach cogair thu m’ chluais Cò ’n claigeann so fhuair mi m’ laimh, ’S gu’n cuirinn ris ceisd mu ghnà mu’n do theasd; Gar am freagair e ’m feasd mo dhàn. ’M bu mhaighdeann deas thū, Bha sgiamhach a’ d’ ghnùis, ’S deadh shuidheach’ a’ d’ shùil da rèir? Le d’ mhaise mar lion, a ribeadh mu chridh’ Gach òganaich chì thu fèin, Tha nise gach àgh bha coisinn duit gràidh Air tionndadh gu gràin gach neach; Marbhasg air an uaigh a chreach thu do’n bhuaidh Bha ceangailt’ ri snuagh do dhreach. No ’m breitheamh ceart thu le tuigs’ agus iùl Bha reiteach’ gach cùis do’n t-sluagh; Gun aomadh le pàirt, ach dìteadh gu bàs Na h-eucoir bha dàicheil cruaidh? No ’n do reic thu a’ chòir, air ghlacaid do’n òr, O’n dream ’gan robh stòras pailt? Is bochdan an t-sluaigh, fo fhòirneart ro chruaidh Ag fulang le cruas na h-airc. ’S mur robh thusa fìor, ann a d’òifig am binn’, ’S gun d’ rinn thu an dìreach fiar; ’S co chinnteach an nì, ’nuair thainig do chrìoch Gu’n deachaidh do dhìt’ le Dia. No ’n robh thu a’d’ lèigh, ag leigheas nan creuchd ’S a’ deanamh gach eucail slàn? A’ d’ ìoc-shlàintibh mòr, ag deanamh do bhòsd, Gu dìbreadh tu’ chòir o’n bhàs. [TD 113] No ’n seanaileir thù, a choisinn mòr chliù, Le d’ sheoltachd a stiùradh airm? Air naimhde toirt buaidh, ’gan cur ann san ruaig, ’S ’gam fàgail ’nan cruachaibh marbh. ’N robh do chlaidheamh gun bheart, no’n d’fhàg thu do neart, ’Nuair choinnich thu feachd na h-uaigh, ’Nuair b’èiginn duit geill, a dh’aindeoin do dheud Do armailt’ a bhèistibh truagh? No ’m fear thu bha pòit’, gu tric a stigh òsd’, ’S tu cridheil ag òl an dram? Nach iarradh dhuit fèin, do fhlaitheanas De Ach beirm a bhi ’g éiridh d’ cheann. No ’n duin’ thu bha gluasd, gu cionalta suairc, Gu measarradh stuam’ mu d’ bhòrd; Le miannaibh do chré, fo chuibhreachadh geur, ’N àm suidhe gu féisd ’s gu sògh? No ’m morair ro mhòr, a thachair a’ m’ dhòrn, Neach aig an robh còir air tìr; Bha iochdmhor ri bochd, a’ cluthach nan nochd’, Rèir pailteas a thoic ’s a nìth’? No ’n robh thu ro chruaidh, a’ fionnadh do thuath, ’S a’ tanach’ an gruaidh le màl; Le h-agartas geur, a’ glacadh an spréidh, ’S am bochduinn ag eìgheach dàil? Gun chridh aig na daoin’ bh’ air lomadh le h-aois, Le ’n claiginnibh maola truagh; Bhi seasamh a’ d’ chòir, gun bhoineid ’nan dorn, Ge d’ tholladh gaoth reot’ an cluas: Tha nise do thràill, gun urram a’ d’ dhàil, Gun ghearsom gun mhàl gun mhòd; [TD 114] Mor-mholadh do ’n bhàs, a chasgair thu tràth ’S nach d’ fhuiling do stràic fo ’n fhòid. No ’m ministeir thù, bha tagradh gu dlù, Ri pobull an ùghdaras De; ’Gam pilleadh air ais, bha ’g imeachd gu brais Gu h-ifrinn na casgradh dhéin? No ’n robh thu gun sgoinn, mar mhuime mu chloinn, Gun chùram a h-oighreachd Dhe Nam faigheadh tu ’n rusg’ bha coma co dhiubh, Mu ’n t-sionnach bhi stiúradh ’n treud; Leam ’s cinnteach gu ’n d’ fhuair do dheanadas duais, ’Nuair ràinig thu ’m Buachaill mòr: ’Nuair chuairtich am bàs a steach thu ’na làth’r Thoirt cunntas a’ d’ thàlainn dò. No ’n ceann thu ’n robh ciall, is eôlas air Dia, ’S gu’n d’ rinn thu a riar’ sa’ chòìr; Ge d’ tha thu ’n diugh riùsgt’, gun aithne gun iùl, Gun teanga, gun sùil, gun sròin. Gabh misneach san uaigh, oir eìridh tu suas, ’Nuair chluinneas tu fuaim an stuic; ’S do thruailleachd gu léir, shìos fàguidh tu d’ dhéigh, Aig durraga breun an t-sluic. Oir deasaichidh Dia do mhaise mar ghrian, Bhiodh ’g èiridh o sgiath nam beann; Cur fradharc ro gheur, ’s na sùile so fèin, ’S iad dealradh mar reulta ’d cheann. Do theanga ’s do chàil, ni ghleusa gun dàil, A chantuinn ’na àros cliù; Is fosglaidh do chluas, a dh’ eisdeachd ri fuaim, A mholaidh th’ aig sluagh a chùirt. [TD 115] ’Nuair dhealraicheas Criosd, ’na thigheachd a ris, A chruinneach’ nam firean suas, ’N sin bheir thu do leum, thoirt coinneamh dha fein, Mar iolair nan speur aig luaths. ’Nuair dh’ éireas tu n’ àird, grad chuiridh ort fàilt, A mhealtuinn a chàirdeas féin, Gun dealach’ gu bràth, r’a chomunn no ’ghràdh, A steach ann am Phàras De. Fhir chluinneas mo Dhàn, dean aithreachas tràth, ’M feadh mhaireas do shlàint’ ’s do bheachd; Mun d’ thig ort am bàs, nach leig thu gu bràth Air geata nan gràs a steach. 40. M’an Ghréin. THA a’ ghrian do’n t-saoghal nadurra, mar a ta spiorad na beatha do mhac an duine. ’Se a teas a ta toirt fàis do luibhibh na macharach; agus an uair a sgaoileas i a caomhalachd na glòir-mhaidne mu’n cuairt di, bithidh gach creutair sunndach le a làthaireachd,—suilbhir agus aidhireach le a tiodhlacaibh. Le a teas eiridh mìlte do chuileagaibh sgiathach gu beatha. Clisgidh na h-eoin o’n codal, agus dòirtidh iad a mach an ceileirean ceolmhor ann an co-sheirm chiùil ’nuair a mhothaicheas iad a blàthas. Le méilich bheir na treuda buidheachas air son teachd na maidne ciùine, agus innsidh am buar le’n àrd-gheumnaich an taingeileachd. Aithrisidh na gleanntan an ceòl ceudna, agus freagraidh na cnuic do’n fhonn. Bheir teas na gréine air gach luibh tha air aghaidh na talmhainn fàs gu h-ùrar agus gorm;—còmhdaichidh e na craobhan le duilleach,—a’ mhachair le arbhar agus meas,—na sléibhtean le buar agus [TD 116] treudaibh, agus cridhe an duine le gairdeachas agus taingeileachd. A réir cunntais nam feallsanach no nan daoine foghluimte tha a’ ghrian deich ceud mìle uair ni’s mò na an talamh, agus ceithir fichead ’sa deich muilliona do mhìltibh air astar uaith: Tha a’ ghrian a’ tionndadh mu’n cuairt d’a rotha féin aon uair ’sa bhliadhna, a’ siubhal o dheas gu tuath, agus air a h-ais a rìs. ’Nuair tha i fada gu deas tha an là goirid, agus an aimsir fuar againn san eilean so; ach an uair tha i pilltinn gu tuath tha ’n là a’ fàs fad, agus tha blàthas an t-samhraidh ag ath-ùrachadh gach luibh mhaoth a shearg, agus gach craobh a lom gaoth reòtadh a’ gheamhraidh. Smuainichidh sluagh neo-fhoghluimte gu bheil a’ ghrian ag éirigh san àird an ear agus a’ dol fodha san àird an iar, do bhrìgh nach ’eil iad a’ tuigsinn gu bheil an talamh a’ tionndadh mu’n cuairt, no a’ cur car dheth air a roth aon uair sna ceithir uaire fichead; agus le so a’ nochdadh na gréine do shùilean an duine mar gu’m biodh i ag eirigh san àird an ear, agus a’ luidhe san àird an iar gach uair a ta an talamh a’ cur car dheth air an dòigh so. Tha cuid do na reultaibh tha sgeadachadh aghaidh néimh le sgéimh ghrinn, mòran ni’s mò na an saoghal so, agus tha daoine foghluimte am barail gu bheil iad uile air an àiteachadh le creutairaibh tuigseach cosmhuil riunn féin. Comhairichidh am feallsanach le innil-seallaidh beanntan agus uisgeachan air aghaidh na gréine agus na gealaich—chi e air uairibh cuid do na h-àrd-bheantaibh a’ brùchdadh mach teine agus luaithre amhuil a ni beinn Etna ann an Sicili; agus cha’n’eil e eu-cosmhuil gu’m feud na h-inneala-seallaidh bhi air an leasachadh cho mòr, agus gu’n comharaich iad fathast an sluagh gun àireamh tha ’g àiteachadh gach mìle saoghal a ta mu’n cuairt duinn. Tha oibre Dhé ro-lionmhor agus iongantach. Cha’n urrainn do chreutair cruthaichte an tuigsinn [TD 117] no an àireamh. Tha an cunntas os ceann gach ni air an urrainn da smuaineachadh, agus tha an gliocas a dhealbh, agus an cumhachd a ta ’gan cumail suas, an-àrd os ceann eòlas chloinn nan daoine. ’Nuair a dh’-amhairc Daibhidh air oibribh iongantach agus glormhòr an Tighearna, thubhairt e, “Cuiridh na néamha an céill glòir Dhe, agus nochdaidh na speura gniomh a làmh. Tha là a’ deanamh sgéil do là, agus oidhche a’ foillseachadh eòlais a dh’ oidhche. Cha’n’eil cainnt, cha’n’eil briathra anns nach cluinnear an guth. Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a mach, agus am focail gu iomall an domhain. Do’n ghréin chuir e pàilliuin annta; agus tha i mar fhear nuadh-pòsda a’ teachd a mach a ’sheòmar: ni i gairdeachas mar ghaisgeach a’ ruith a shlighe. Tha dol a mach o chrìch nan speur, agus a cuairt gu ruig an criochaibh; agus cha’n’eil ni air bith a dh’ fholaichear o a teas.” 41. Osian do’n Ghréin. O THUSA fein a shiubhlas shuas, Cruinn mar lan-sgiath chruaidh nan triath! Cia as tha do dhearsa gun ghruaim, Do sholus tha buan, a Ghrian? Thig thu ann ad àille threun, Is fol’chidh reultan uainn an triall; A’ ghealach ’g a dubhadh san speur, ’Ga cleith fein fo stuaidh san iar! Tha thusa na ’d astar a mhàin! Co tha dàn a bhi na d’ chòir? Tuitidh darag o n’ chruaich àrd, Tuitidh carn fo aois is corr! Tràighidh agus lionaidh ’n cuan, Fol’chear shuas an reult san speur; [TD 118] Tha thus’ a’ d’ aon a chaoidh fo bhuaidh, An aoibhneas bhuan do sholuis fein! ’Nuair dhubhas m’ an domhan stoirm, Le torrann borb, is dealan luath; Seallaidh tu n’ ad àille o’n toirm, Fiamh ghàir ort am bruaillean nan speur! Ach dhomhs’ tha do sholus faoin, ’S nach fhaic mi a chaoidh do ghnùis, A’ sgaoileadh cul is or-bhuidh ciabh Air aghaidh nan nial san ear. A’ fogradh na h-oidhch’ o gach àit, Ach sùil a’ Bhaird cha ’n fhaic do sholus; No ’nuair a chritheas anns an iar, Aig do dhorsaibh ciar, air lear. Ach amhuil so, aosda, lag, liath, Bidh tusa fhathast ’n ad-aonar; Do shiubhal sna speuraibh mall, ’S tu mall mar mis’ air an aonach. Doilleir mar ghealach nan trath, Bidh d’ annra ’s tu siubhal nan speur; Caismeachd na maidne cha chluinn thu, Mar na suinn bhios gun luaidh air éiridh. An sealgair sealladh fo’n raon, Ach cha ’n fhaic e d’ aogas air teachd; Bruchdaidh ’dheoir, is e pilleadh fo smalan. A mhadaidh mo ghràidh, threig a’ ghrian sinn. ’S maith dh’fheudt’ gu bheil thu mar mi fein, San àm gu treun, ’s gun fheum air am; Ar bliadhnan a’ tearnadh o’n speur, A siubhal le chéile gu’n ceann. Biodh aoibhneas ort fein, a ghrian, ’S tu neartmhor a’ triall a’ t’ òige; Is bronach mi-thaitneach an aois, Mar ghealach fhaoin san speur. A’ ruith fo neul air an raon, ’S an liath-cheo ri taobh nan carn; [TD 119] An Osag o thuath air an reidhlinn, ’M fear-siubhail fo bheud ’s e mall: Bidh aoibhneas air soluis na h-oidhche, ’N tra bhios mac na soills’ air triall. 42. Eirigh na Gréine. CHA’N’EIL aon sealladh eile air aghaidh an t-saoghail gu leir is àillidh na eiridh na greine! Tha briste na h-òg-mhaduinn a leige ris duinn cruthachadh ùr; thug dorchadas na h-oidhche air falbh o’n t-sealla an talamh a bhos agus na speuran shuas, ach air pille na maidne tha sinn a’ leirsinn nadur gu leir mar gum biodh e air ath-nuadhachadh le sgéimh dhreachmhor. Ann an camhanaich na maidne tha nial liath-ghorm nan speur ag atharrachadh; chìtear rugha fann a’ dùsgadh san aird an ear, tha na reultan a’ teicheadh as an t-sealladh, ’s a’ folach an cinn; tha àilleachd òrbhuidh a’ dīreadh nan speur uigh air uigh, a’ toirt rabhadh gu bheil a ghrian a’ tighinn. Chìthear an saoghal a’ teachd a rìs san fhradharc na làn mhaise; tha na neoil shuas a’ gabhail dath an òir is deirge dreach: tha na beanntai mòr a’ togail an cinn le aoibhneas; a choille ’g éiridh gu dosrach ùr’ar; tha na machraichean fein fo’n drùchd ghorm, a tha air gach feoirnein maoth a’ dealradh le soillse àghmhor. Ceum air cheum mar tha’n solas a’ meudachadh, tha’n sealladh a’ cinntinn ni’s maisiche, gus faidheoidh o shoillse gu soillse, a bheil an aon chuspair is gloirmhoire r’a fhaicinn, éirigh na gréine! Tha’n solus a’ meudachadh, gnùis fhlathail’ na gréin a’ teachd am fraodharc; dh’éirich i nis air chul nam beann ’na làn mhaise. Suas ghabh i air siubhal an àigh ann an gloir cho dealrach, agus solas co boisgeil ’s [TD 120] nach’eil e’n comas beachdachadh oirre le sùil chruthaichte. Nan tigeadh an sealla so air neach o mhullach beinne gun fhaicinn riamh roimhe gus a sin, ciod a smaoinicheadh e, agus ciod a dheanadh e? Gun teagamh air bith thilgeadh e e fein sios ann an ùmhlachd iriosal, làn de urram agus de iongantas naomha, a’ tairgse molaidh do ’n Dia mhor cruthai’ear na gréine. Cha’n fhaodadh e gun éigheach a mach, O thus, a Dhe ghloirmhor! Ann an àilleachd na h-ùr-mhaduinn, tha mis ag aideacha do chumhachd, do ghliocas, agus do mhòralachd. Maille ris an riabhaig a dhirich an diugh gu àirde nan speur, a chur fàilt air an là, tha mis a’ togradh a’d’ ionnsuidh. Tha gairdeachas an t-saoghail m’am thimchioll, agus gach beo chreutair a ta air uachdar gam’ aomadh gu m’ anam a thogail a’ d’ ionnsuidh le deothas naomha. Tha’n cruthacha gu leir air an àm so ga d’ mholadh, agus an e gum bi mis a’m’ thosd. Tabhair O m’ anam cliu do Dhia! ruigeadh laoidhean mu chliu na neamha àrd far a bheil thus a chòmhnuidh, a tha ’g àithne do’n ghréin éiridh, agus a tha le d’ laimh ga stiura na h-astar àrd. 43. Do’n Ghréin le Trathail. A GHRIAN na h-òg-mhaidne! ’g éirigh Air sleibhte soir le d’ chiabhan òr bhuidh; ’S ait ceuma do theachd air an aonach, ’S gach caochan sa ghleann ri gàire. Tha croinn uaine, do dhrùchd nam fras, Ag eiridh gu bras a d’ chòdhail, Is filidh bhinn nan coillte fàs A’ cur fàilt ort gu moch le ’n òran. Ach c’àit am bheil ciar-imeachd na h-òiche (Ro d’ ghnuis) air sgiathaibh an fhirein? [TD 121] C’àit am bheil aig duibhre a còmhnuidh, ’S uamh chòsach nan reulta soillse? Tra leanas tu ’n ceuma gu luath, Mar shealgair gan ruaga san speur; Thus’ a’ dìre’ nan aonach ard, ’S iadsan air faoin-bheannta fàs a’ leum’. ’S aoibhin do shiubhal a sholuis àigh, A sgaoileas le d’ dhearsa gach doinionn; ’S is maiseach do chleachdan òir A’ snàmh siar ’s do dhòigh ri pille’. Le seachran an dall-cheo na h-òiche, Cha ghlacar thu choidh’ ann ad chùrsa; ’S doinionn nan cuanta gàbhaidh Cha séid gu brath as d’ iul thu. Le gairm na ciuin-mhaidne bidh t-éiridh, ’S do ghnùis fhéilidh a’ dusga’ gean, A’ fògra na h-òich’ o gach àit Ach suil a bhàird nach faic do sholus. Ach amhuil so, aos-liath lag, Bidh tusa fathasd a d’ aonar: Do shiubhal ’s na speuraibh mall, ’S tu dall mar mis’ air an aonach. Doilleir mar ghealach nan trà, Bidh t-ànra ’s tu siubhal nan speur; Caiseamachd na maidne cha chluinn thu, Mar na suinn gun luadh ri éirigh. An sealgair seallaidh o’n raon Ach cha ’n fhaic e taogas a’ tighinn; Brùchdaidh a dheoir ’s e pille’ fo smalan; “A mhadai’ mo ghraidh! threig a ghrian sin” —Bidh aoibhneas an sin air soluis na h-òiche, Tra bhios mac na soillse mar Thrathuil. [TD 122] 43. Mu Ghrian na Fireantachd. AN uair a bheir sinn buidheachas do Dhi arson aimsire shuidhichte na bliadhna, thugamaid gu taingeil, moladh dha arson gun d-éirich Grian na Fìreantachd oirn, agus gu’n cuala sinn a Shoisgeul glòrmhor. Ni as eug’ais a bhiodhamaid gus an t-àm so air seachran, ann an dorchadas spioradail, agus fo sgàil a bhàis; as eug’ais b’ èiginn duinn a bhi air iomrall ann an neo-chinnteachd dho-rannsachaidh, gus an tuislicheamaid air sléibhtein dorch a mhearachd, agus dol fodha ann an slochd-gun-ìochdar an leir-sgriosaidh. As eug’ais na gréine nàdurra, ciod a bhiodh san domhan so, ach tòrr gun beatha, meall mòr gun bheothalachd? Cha’n fhàsadh duilleach air na craobhan, na blāithean air na luibhean. Cha’n fhaiceamaid na machraichean stràchdta le h-arbhar craobhach, na na glinn gu h-ùrar gorm le feur nòs’ar. No le ràdh ann an cainnt mhaisich an fhàidhe, Hab. iii. 17. Cha d-thugadh an cranne-fìge uaith blàth, agus cha bhiodh cinneas air an fhìonain; dh’ fhaillnicheadh meas a chrainn-ola, agus cha d-thugadh na machraichean uatha lòn: bhiodh na treudan air an gearradh as o’n mhainnir, agus cha bhiodh buar air bith anns na buailtibh.—Tha ghrian a’ cur a gathan dealrach air uile luis-bheo, agus mheacanna na machrach, a’ cur àilleachd chiatach air an earrach, agus a’ cur tarbhaichead air an fhogharadh. Tha a teas a’ drùghadh air an fhìon-lios agus air an adhall-ghart; ’s a’ cuir gluasad fo’n t-snothach shùghmhor, a tha dìreadh tre na cuislibh dìomhair o bheil am pailteas fìona, agus meas a’ sruthadh.—Cha’n e gu bheil a gathan àigh air an cuibhreachadh ri aghaidh na cruinne so, ach tha iad a’ ruigheachd air a chuid is doimhne de ’n [TD 123] Chruitheachd. Tha a cumhachd a’ drùghadh agus a’ sgiamhachadh na Cruitheachd air fad. “Cha’n’eil ni folaicht’ o a teas.” Dìreach air a mhodh cheudna bha ’n Cinne-daonna marbh ’an euceartaibh agus ’am peacaibh, as eug’ais cumhachd beothachaidh Iosa Criosd. ’S esan an ais-eirigh agus a bheatha, tobar saibhir an dara aoin, agus aobhar uile-chumhachdach an ni eile. Tha ’n dara Adhamh na spiorad beothachaidh, agus ’s ann trid-san a tha a naoimh uile beo. Tha e dealradh air an ceudfaithibh, agus tha iad a’ fàs suas ’n an gràsa neamhuidh, agus a’ sìor-mheudachadh ann an toraibh na fìreantachd. ’S iad creidimh neo-chealgach, agus gràdh neo-chlaon an toradh is àghmhoire a tha srùthadh o’n nàdur ath-nuadhaichte, agus is iad toraidh oibreachaidh air an inntinn. Cha robh urrad agus aon rùn diadhuidh, na aon chleachda Criosduidh, nan urrainn sgaoileadh na fàs, as eug’ais cumhachd càirdeil a ghràis. Mar nach ’eil tarbhaichead na suilbhearachd as eug’ais na gréine.—’Nuair dh’ éireas i gu flathail baoisgeil, ’s a sgaoileas i a gathan àigh, tha i ’g ath-bheothacha subhachais nach gabh cur an céill. Tha na mìlte creutair sgiamhach a’ mosgladh suas gu bith le a teas, agus ga’n grianra ’na blàths. Tha na h-eoin a’ dùsgadh o’n clò-chodal, ’s a’ taosgadh a mach an ceileirean ceolmhor ann an co’-sheirm bhinn. Tha mheanbh-spréidh, le ’m méilich chiùin, a’ cur fàilt air an òg-mhaduinn. Tha ’m buar le ’n sruth ghéimnich, a’ cur an céill an ait-shòlais. Tha na glinn air chrathadh le canntaireachd; tha na h-aonaich le ’m mac-talla ag aithris an co’-cheileirean. Tha cheòlairidh air fad a’ co’-aontachadh leis a choisheirm! tha gach ni anns a’ bheil beatha ri gairdeachas anns an drùghadh shòlasach!—Ach nam biodh gathan dealrach na gréine air call an teas, thigeadh gruaim neo-éibhinn air gach ni. Ni h-e mhàin sin, ach thigeadh sgàil oirre car ùine bheug, [TD 124] agus chuireadh nàdur air fad uime, mar gum b’ ann culaidh-bhròin. Tha na neamha fein dubhach. Tha na creutairean is sunndaich a’ cromadh an cinn le bròn. Tha còisridh cheolmhor an doire ’nan tosd: chaidh a ghlas-ghuib oirr’ air fad. Tha fiadh-bheathaichean an fhàsaich ag ulfhartaich arson an creich; tha na h-eòin le ’m fios-fithich a’ sìor-scriachail; tha cridhe an duin’ a fàillne, no tha cràdh obann ga ghrad bhualadh.—’Samhuil a chùis ’nuair dh’ fholachais Criosd a ghnùis, ’nuair chailleas creidimh sealladh air sòlas Israeil! nach dubhach neo-shubhach beachd an anama! Air leinn gu bheil ar Dia na theine dian-loisgeach, agus gu bheil ar peacaidh gu h-àrd labhrach ag éigheach dioghaltais. Tha na smuainte cràiteach o’n leth a stigh, tha’n Criosduidh ag imeachd gu tùrsach; tha gach ni o’n leth a muigh màidheanach, gach ni o’n leth a stigh brònach. Tog suas mata, Iosa ghràsmhoir, an ùr-mhaduinn is àghmhoire o’n ionad is àirde oirnn: O! tog suas solus do ghnùis air do phobull! Leig ris doibh uil-fhothaintichead t-eadar-mheadhonaireachd, dean ar còir air an t-saorsadh mhòir so lan-shoilleir dhuinn. Leanaidh mi fhathast air a cho’-samhlachd sin, Tha a ghrian a ’sgaoileadh a dealradh m’a timchioll, air gach àird. Gu fialuidh fiughantach tha i soillseachadh agus a’ deanamh ait uile chrìocha na talmhuinn, agus uile chuairt nan speur. Tha rughadh san àird-an-ear an àm dhi éiridh, agus tha beanntai na h-àird-an-iar air an òradh le dealradh boillsgeil. Tha dùchanna fuar na h-àirde tuath air, am blāiteachadh le gathan mathasach, am feadh a tha ’n àirde-deas le dian theas air an claoidh.—Mar sin tha cumhachd Grian na Fìreantachd rùn-phàirteach neo-chuibhrichte. Bha na lìnne a bh’ ann o chian gam faireachduinn, agus ni na h-àil a tha fhathast gun bhreith gàirdeachas annta. Bha toilltinneis a bhàis luachmhoir a’ ruigheachd air a cheud mhuinntir, agus craobh-sgaoileir iad do lìnne deireannach a [TD 125] chinne-dhaonna. Gun ruig iad, ’an ùine ghearr, air iomall crìch gach tìr! Aithn do d’ shoisgeul, O Shlanuighir bheannichte, e ghabhail sgiathan na maidne, an co’-imeachd ris a ghréin. Rachadh e air sgiathaibh laidir a dh’ ionnsuidh gach sluaigh, dùthaich agus cainnt; chum gum bi eolas umad fhad ’sa tha teas na gréine a’ ruigheachd, agus am fuachd a’ reothadh; chum gum bi thu air t-aidmheil agus aoradh air a thoirt duit: chum gum bi iadsan a tha aineolach air t-ainm, agus naimhdean do d’ theagasg, air an soillseachadh le eolas, agus air an tàladh ris le gràdh do d’ fhìrinn! O! gun d-thigeadh an t-àm taitneach sin; an t-àm ion-mhiannuichte sin; an uair a chuimhnicheas gach sluagh orra fein, agus gum pill iad ris an Tighearna; agus gun dean gach cinneach aoradh dhuit! 44. Mu thimchioll a’ Bhiobuil. THA am focal Biobul a’ ciallachadh Leabhar; do bhrìgh gur e an t-aon leabhar e is airidh bhi air a leughadh gu dùrachdach, agus air a chreidsinn gu h-iomlan leis gach neach aig am bheil curam d’a anam neo-bhasmhor. Tha e da rìreadh ’na leabhar prìseil, oir tha e teagasg dhuinn gach ni a ta feumail gu’r deanamh glic san t-saoghal so, agus sona san t-saoghal ri teachd. Tha an sluagh nach cuala riamh iomradh air, a dhìth eòlais air an Dia a chruthaich iad, air a lagh naomh agus fior-ghlan, air staid thruaigh an duine a thaobh naduir, agus air slàinte tre an Tighearna Iosa Criosd. Agus air dhoibh bhi aineolach air na nithibh sin, cha’n urrainn iad Dia a thoileachadh, agus cha’n’eil e ’n comas doibh dol as o’n pheanas sin tha a cheartas ag iarraidh o gach neach nach ’eil air a shaoradh o thruaillidheachd na [TD 126] feòla, agus air a sgeudachadh le fìreantachd an t-Slànuighir. Cia cho taingeil is còir dhuinne a bhi nach d’fhàg Dia sinn an aineolas; agus ciod an t-aobhar buidheachais agus molaidh a ta againn gu’n tug e dhuinn am Biobull anns am bheil e a’ foillseachadh dhuinn ciod i a thoil bheannaichte, agus ciod an dòigh air an dionar sinn o fheirg shiorruidh, agus air am faigh sinn sealbh air rioghachd nèimh. Gun teagamh is còir dhuinn bhi ro-chùramach mu’n leabhar so os ceann gach leabhair eile, do bhrìgh gu bheil e a’ foillseachadh dhuinn focail na beatha maireannaich; agus tha e mar fhiachaibh oirn a nochdadh le ’r creidimh agus le ’r giulan gu bheil sinn ’ga mheas mar an ni a’s luachmhoire tha sinn a’ sealbhachadh san t-saoghal so. Cha’n urrainn e bhi gu bheil sinn deanamh so ’nuair nach ’eil mòr-thlachd againn bhi g’a leughadh gu minic,—’nuair nach’eil sinn a’ creidsinn gach ni tha e foillseachadh dhuinn mu thimchioll ar Slànuighir,—no ’nuair nach ’eil sinn a’ gluasad a réir lagh ar Tighearna, agus a’ co-chumadh ar beatha r’a thoil naomh agus fhior-ghloin. Ghabh sluagh aosda aithreachas gu minic gu’n do dhi-chuimhnich iad am Biobull a rannsachadh ann an làithibh an òige. Ach cha chuala sinn riamh iomradh air duine a ghabh aithreachas ’nuair a bha e aosmhor, no ’na luidhe air leabaidh a’ bhàis, gu’n do chaith e tuille sa choir d’a aimsir a’ rannsachadh an leabhair so,—no neach air bith a rinn gearan do bhrìgh gun do thaisg e a bhriathra fallain ’na chridhe, agus gu’n do chuir e an gniomh iad ’na chaithe-beatha. Is caraid fior agus dìleas am Biobull ann an là ar triobluid; agus ’nuair a threigeas gach dòchas saoghalta sinn, agus a bheir doilgheasan na beatha so ar cos gu bruaich na h-uaighe, eadhon an sin bheir e misneach do ’r cridhe, agus altrumaidh e dòchas an taobh a stigh dhuinn a ghiulaineas sinn an taobh thall do’n uaigh. Bithidh e ’na lòchran do ’r cos- [TD 127] aibh agus ’na sholus-iùil do ’r ceumannaibh: soillsichidh e an dorchadas tha cuairteachadh ghlinn sgàile a’ bhàis, agus ath-bheothaichidh e ar spiorad le dòchas na beatha maireannaich ’nuair a tha am bàs a’ teachd ’nar dàil, agus a’ criochnachadh ar beatha son t-saoghal so. O ma ta gu’n deanadh sean agus òg focal an Tighearn ’na riaghailt stiùraidh dhoibh,—gu’m bitheadh iad a’ beachd-smuaineachadh air an còmhnuidh,—gu’n tairneadh iad sòlas uaith ann an là an trioblaid, agus gu’m biodh an dòchas ri sonas siorruidh air a shuidheachadh air na geallannaibh prìseil agus tròcaireach tha e cumail a mach dhoibh. 45. Craobh-sgaoileadh a Bhiobuill feadh Mòr-thir agus Eileana na Gae’altachd. THA sgeul r’a sheanchas air feadh na’n Garb-chrioch, ’S cha sgeul tha searbh e gun tairbh gun bhrìgh, Cha sgeul gun bhlas e, cha sgeul gun snas e; Ach sgeul ro-thaitneach cur neart sa chrì: Cha sgeul no eachdruidh air spùinn na creach e, Cha sgeul air gaisge, na tap’, na strìgh; Cha sgeul air caonnaig, na liodairt dhaoine, An sgeul ro aobhach tha sgaoil’ san tìr. ’Se sgeul is binne, ’se sgeul is grinne, Tha’m beul gach fine’ th’an Innse-gall: An sgeul tha’n drasta aig lag a’s laidir, A sgaoil ’s gach àite os a’s thall; Air neart an càileachd, ’s a dh’ aisig slainte Do dhaoinibh sàruicht le easlaint chruaidh; Ag aiseag sìth dhoibh, ’sa’ fògra strì uath, Am briathraibh mìne, ro shìobhalt, shuairc. [TD 128] Bu truagh ar càramh, mar uain gun mhàthair, Sior dhol air fàrsang o’r leas, ’s o’r sìth; Gu doilleir ànnrach, a’ siubhal fàsaich, Gun ionad tàmha, gun àite dìon; Air udal daonnan, sìor dhol air faondra, Gun aodhair’ gaolach againn ’nar còir, A nochda gràdh dhuinn, ’sa ghabhail bàigh ruinn, ’Se strìgh gur sàbhal o’r namhuid mòr. Bu bhuan ar n-oidhche, gun reull gun soillse ’Nuair dh’éirich baoisg’ oirn o ghrian an àigh. Bu bhuan ar geamhradh, ach thain’ ar samhradh, ’S bidh meas nach gann air gach crann, is blàth. Luidh dubhar ’s ceò air gach àrd is còmhnard; Bu chianail brònach ar dòigh ’s ar n-àird; Air bheagan eolais, air bheagan dòchais, A bheireadh sòlas ri dòruinn bàis. Ach nis o’n dhealruich àrd-ghrian an àigh oirn, Thig là is fearr oirn le blàs, is sìth; Thig solas uaithe a sheolas suas sinn, Is blàs a dh’ fhuadaicheas fuachd o’n chrì. Bidh ’n cridhe seachdta, bidh ’n cridhe meata, ’S an cridh’ a chleachd bhi gun neart gun chlì, Mar chraoibh san t-samhradh, air triall do’n gheamhradh, Le meas nach gann orr’, ’s cha’n fhann a bhrìgh. Bidh snuadh air aonach, bidh feur is fraoch ann, Bidh truscan caoin air gach aodann lòm; Bidh sgeudach uain’ air gach àite duaichni, Bidh aoidh gun ghruaman air glaic is tom; Bi ’m fonn nach géilleadh do phor na sheason Ach luibhean bréine gun fheum gun stà, Toirt stràchd nach suarrach de thoradh luachmhor, San àm am buainear e nuas gu làr. [TD 129] Bi ’m fonn bha tartmhor, ged thigeadh dealt air A’ bruchd gu pailt air le uisge beo— Na shruthain shiùbhlach a’ ruith, ’s ag ùrach Gach luisean cùbhraidh a chaill an deo. Tha beath’ is tàbhachd san uisg’ nach failing, Tha neart is slaint ann gu bràth nach tréig; Cha reò an geamhr’ e, ’s cha tràigh an samhr’ e, Ri teas na cranntachd cha d’ theid e eug. Sam fonn bha fuaraidh a ghnà fo ghruaman, Thig caochla luath air o fhuachd gu blàths; Thig teas o’n ghréin air a bheir gu feum e, ’Sa bheir air géilleadh, ’s cha bheag an stràchd: Bi priomh gach pòir ann, bi cruineachd ’s eòrn ann, ’S na h-uile seorts ann ach pòr gun bhrìgh; ’S ’nuair thig an tuathanach ’an àm na buana, Cha bhi aon ghruaman san uair ’na chrì. Tha ’n ceo a’ sgaoileadh a dhall ’sa chlaon sinn, ’S tha ’n lā ag aoma le aoidh m’ an cuairt; ’S am beachd ar sùla tha nithe ùra, Nach b’ eol ’s nach b’ fhiu leinn bhi gan luaidh: Tha focal De nis ’nar laimh ’s ’nar n-éisdeachd, A’ toirt sgeul duinn air feum an t-sluaigh; A nochd an gàbhadh, ’sa toirt sgeul air slainte, Na ’n gabht an gràdh ris bu daor a luach. Mar sgioba bàta feadh thonnaibh gàbhuidh, Gun stiùir gun ràmh ac’ gu snàmh gu tìr; Gun chairt thoirt iuil doibh, gun neull gan stiùradh Gu cala rùnach na ’n ciùin uisg’ mìn: Am buillsgein oidhche gun dears’ gun soillse, Lan geilt is oillte le cridhe brùit; Bha clann na’n Gaidheal ùin fhad air ànnradh; Ach bhris an là orr’ ’s tha ’n tràigh dhoibh dlù. Tha ’n cala prìseil, an cala rioghail, Cala sìochail nam mìn uisg ciùin; [TD 130] An cala luachmhor gun stoirm gun bhruaillein, A’ teachd san uair so ’am beachd an sùl; Is air an tràigh ud tha’n comunn gràdhach, Buidhinn àluinn mo ghràidh, ’s mo rùin; A’ sméid le’n laimh, is le’n sealla ’g ràthainn, Grad thigibh ’n cairdeas àrd Righ nan dùl. 46. Innseanach America. Dh’éirich fear de Innseanaich America gu moch aon là a dhol a shealg. Tha mis, a deir e r’a mhnaoi, a’ dol do’n choillidh a shealg, ’nuair a mharbhas mi fiadh, thig mi dhachaidh a’d’ ionnsuidhs’ ’nuair théid a ghrian fodha air cùl na beinne. Rainig e choilleadh, agus rè ùine mhòr cha do thachair fiadh air, ach m’a dheireadh chunnaic e damh-féidh, chuir e ghunna r’a shùil, loisg e air, agus thuit an damh; ach cha robh e ach air a leon; dh’ éirich e agus thàr e as. Lean an t-Innseanach e, a’ cumail seallaidh air, ach cha robh e na urrainn teachd am fad urchair dha. Mar so lean e air a thòir, gus an d’fhàg e choilleadh, agus thug e car mu thom dha, agus chaill e fradharc air. Bha’n t-Innseanach ga lorgachadh mar b’fhearr a dh’fhaodadh e, ach dh’ fhartluich air cur ris. Bha e o chnochd gu cnochd, agus o bhearra gu bearradh, ach cha b’urra dha fhaotuinn. ’Nuair bha e gu h-airsneulach sgìth, rinn e suidh, agus le h-aimheal smuaintich e air a mhi-shealbh. ’Nuair a leòn e’m fiadh, shaoil e gum bu chùis da féin e; agus am feadh a bha e ga ruagadh, bha fiuthair laidir aige gun dthigeadh e suas ris, agus gum biodh aige fein agus aig a chairdean cuirm shòlasach air an co’-chaidreamh a chéile. Luidh mothachadh a challdaich gu trom air. Bha rè seal h-urrad iomaguin air uime, agus nach dthainig e na aire gun robh e ann an cearna de’n dùthaich air an robh e tur- [TD 131] aineolach; ’s gun robh dorcha nan tràth ag iathadh uime. Fadheòidh mhosgladh as an neo-shunnt so e le sgriachail nan eun a’fàgail na lòmbair a ghabhail am fois sa choillidh. Ghrad dh’éirich e, a’ gabhail beachd air an tìr ma thimchioll, agus a ghrian air dol fodha, thuig e ’n cunnart anns an robh e. Bu chunnartach dha fuireach far an robh e; agus a thuille air sin, bha’m beagan lòin a bh’aige air teireachdain, agus bha e gu fann, sgìth, acrach. Chuir e roimhe pille dhachaidh, agus ge nach robh aon fhiuthair aige gum b’urrainn e bhothan fein a ruigheachd an oidhche sin, air leis gu faodadh e tighinn gn tigh fialuidh eiginn far am faigheadh e biatachd car na h-oidhche sin. Leis an dòchas so, chaidh e air aghaidh; ach cha deachaidh e fada gus an d-fhàs an oidhche ro-dhorca, ’s gun do mhothaich e gnn robh e ann an gàbhadh mòr, le dol a stigh feadh cuilce ann am feur-lochan ann an làthaich dhomhain. Ach fhuair e as a chunnart so le faicill agus le teomachd; agus cha luaithe thainig e as, na thilg se e fein na shìneadh air an talamh, gun fhios ciod an taobh a rachadh e. Bha tigh tuathanaich dlù do’n àit air an robh ’n sealgair na shìneadh. Chunnaic e rionnag sholuis o aon de na h-uinneagan, ’nuair a sheall e thaobh tuiteamas san àird sin. Dh’éirich e, ’s a’ cumail an t-soluis ’na bheachd, dh’fhalbh e, le làn-fhiuthair gu’n gabhadh muinntir an tighe ris le fialachd. Cha b’ ann gun strìgh a ràinig e, agus chaidh e gu neo-sgathach a stigh. Bha acras mòr air, agus dh’ iarr e gu luath greim arain; ach, ni a chuir mòr ìoghnadh air, fhuair e gu gruamach an diùltadh. Chuir e’n céill gu snasmhor an cunnart as an dthainig e, agus am bàs eagallach bha feitheamh air, mar deonaicheadh iad cobhar dha; ghnàthaich e gach deas-chainnt a bha ’na chomas; ach cha dthug iad feachd as an tuathanach; ni h-e mhàin sin, ach ’s ann a thug e lamh air gunna, agus dh’iarr e air gu h-iargalta e theann- [TD 132] adh a mach no gun spadadh se e. Dh’ fhalbh an sealgoir bochd; b’fhaoin da tuille brìodail a ghnàthachadh; agus le oirp a thoirt air fuireach leis an laimh-laidir, cha deanadh e ach sgrìos obann a tharruing air fein. Làn feirge, dh’ fhàg e ’n tuathanach an-iochdmhor, agus dh’ oirpich e choill’ a ruigheachd, agus leig se e fein na shìneadh aig bun craoibhe. Bha a chridhe duineil ag aomadh fo mhulad, ’n uair a chual e fuaim dìreach os a cheann. Thainig so o dha èun mhòr a bha gabhail tàmh ’na geugaibh. Chuir e gu sàmhach urchair ’na ghunna, agus leag e fear dhiu. Ghrad thug e leis e, agus chaidh e ni b’ fhaide a stigh sa choillidh, air eagal nan cluinneadh an tuathanach an urchair gum faodadh e teachd air a thòir. Bheothaich e teine agus ròist e’n t-eun; ’s an déigh a shàth itheadh, choidil e gu trom gu maduinn. Dh’ éirich e, agus gun tuille sgiorraidh ràinig e dhachaidh. Mu thimchioll da mhìos an déigh so, bha gnòthaichean aig an tuathanach a thug air dol fad air astar o thigh fein, agus an uair a bha e air a thuras dhachaidh chaidh e air seachran ann an coillidh. Bha’n t-Innseanach a mach a’ sealg, agus thachair e air a thaobh tuiteamais, agus dh’aithnich e gu grad am fear a bhuin co mi-chneasta ris. Thainig e na aire gu h-obann dioghaltas a dheanamh air; ghrad smaontich e gum bu neo-fhiachail an cothrom a ghabhail air duine nach robh fo armaibh. Cha d’ aithnich an tuathanach e, agus dh’ asluich e gum biodh a co math ’sa sheoladh air a shlighidh. Thuirt an t-Innseanach gu ciùin ris, gum bu chunnartach dha oirp a thoirt air a thuras an oidhche sin; ach nan rachadh e leis-san chum a thighe, agus fuireach an nochd gum b’e a bheatha gus an ni a b’ fhearr a bha na bhothan bochd-san. Dh’ aontaich an tuathanach gabhail ris a chuireadh, air dha bhi feumach air gabhail mu thàmh, a thaobh sgìos agus [TD 133] acrais. Chaidh e leis an Innseanach a dh’ ionnsuidh a thighe, agus bhuin e ris le sàr-bhiatachd. Air a mhaduinn a màireach, thairig e coileasachadh dha arson a dhragha; ach cha ghabhadh an t-Innseanach ni air bith na éirig, ag ràdh, gun robh toileacha gu leoir aige a chionn gun dthug e aoidheachd do dhuine, a dh’ fhaodadh, le bhi as eug’ais, bhi air a chall sa choillidh. Agus an àit luach-saothaireach a ghabhail uaith, thairig e dha dol leis uidhe àraidh air a thuras. An diaigh dol greis air an aghaidh, thainig iad gu mullach àrd, an sealla tighe an tuathanaich. Sheas an t-Innseanach gu grad, agus thuirt e ra cho’-fhear turais, A’ bheil tha ga m’ aithneachadh? Mu thuaiream da mhios roi so, thainig mi air eiginn a chum do thighe gu fann sgìth. Ghrad aithnich an tuathanach e, mhothaich e agartas-coguis, agus bha e dol a ghabhail a leith-sgeil arson mar rinn e; ach chuir an t-Innseanach na thosd e, agus thuirt e ris: Dh’ iarr mi ort greim arain; dhiult thu mi. Dh’ innis mi dhuit gun robh mi dlù air a bhàs; thug thu do ghnà an diultadh dhomh. Dh’ iarr mi ’n sin ort e ann an ainm do Dhe; ghlac thu do ghunna. B’ oillteil do ghnùis. Dh’ amhairc mi oirre: Dh’ fhàg mi do thigh. Thionndai mi o d’ dhorus, ag ràdh, Feuch so far a bheil an duine geal a chòmhnuidh, nàmhuid a choigrich! Am bheil a nis eagal ort gun tog mi mo làmh a’ d’ aghaidh? Cha ruig thu leas; na biodh eagal ort, sud agad do thigh; theirig dhachaidh, agus bi subhach maille ri d’ mhnaoi agus ri d’ chloinn; ach cuimhnich nach cuir thu ’m feasd an t-acrach air falbh o d’ dhoras; oir cha’n fhios duit ciod a thàrlas duit fein. [TD 134] 47. Mu bhàs Màthar. Is muladach do mhuinntir òig, os cionn aon ni eile, bàs màthar. Ise, a bhana-charaid is dlùithe, is dìsle a bh’ ac’ air thalamh, ris am bu chleachda dhoibh amharc suas leis an urram a b’ àirde, d’ am b’àbhuist doibh an iomaguin innseadh, an cridheachan fhosgladh, is air ’n do chàirich iad an làn earbsa gun eagal gun sgàth. Cha’n’eil deuchainn eile is urrainn teachd an caramh muinntir òig da’n dù barrachd bròin a dhùsgadh na bàs màthar chaoimh. Tha so soilleir ma bheir sinn fainear nach ’eil gràdh san t-saoghal a dh’ fhaodar a choimeas ri gràdh màthar d’a sliochd. Faodai foill a bhi anns gach càirdeas eile, ach foill cha robh ’s cha bhi sa chàirdeas so. Faodai gràdh muinntir eile bhi blà ach cha’n fhaodar a choimeas ri blàs a ghràidh sin a tha ann an uchd na màthar. Is suarach leithesa fois agus tàmh, suain na h-oidhche, agus saothair an là air sgath a cloinne. Ma tha iadsan ceart, tha ise toilichte. Nach dù do’n leanabh a bhi brònach le bàs na màthar! Bu taitneach leamsa, a deir e, is e ga caoidh, cainnt a caoimhneis agus uirigleadh a gràidh; ach ’s fuar a nochd anns an ùir an cridhe leis am b’ ionmhuinn mise; agus na gairdeinibh leis an tric a dh’ altrum i mi le gràdh; na bile sin as am minic a thainig còmhradh a chaoimhneis, agus comhairle na céille, tha iad a nis nan tosd ann an suain a bhàis. Ann am bàs màthar tha clann a’ call a chùraim fhaicillich nach mothaich iad am feasd tuille. Cha’n’eil e comasach an imcheist a tha màthair a’ fulang arson na cloinne a thuigsinn ach leo-san a dh’ fhiosraich e. A’ bheil gu dearbh aon aobhar imcheist eile aig màthair ach a teaghlach; agus cha’n iomguin thulgach a bhios aice, ach a là ’sa dh’ oidhche fhad ’s is beo i, agus gu tric ann an glaic a bhàis, anns san osna leis a bheil an deò a’ fàgail a chuirp, tha h-ùrnuigh dheireannach a’ dol suas as an leth. [TD 135] ’Nuair dh’ fhalbhas ise an ìoghnadh iad a bhi fo bhròn! Cò ris a nis a chuireas iad an comhairle, ann an là na h-airce; agus cò bheir dhoibh misneach ann an àm am bròin? Dh’ fhalbh ise a rinn faire orm mar aingeal frithealaidh; dh’ fhalbh i air an t-slighe as nach pill i; ’s nàdurra dhoibh gun iunndrainn iad a bàigh. An àm tinneis cò bha co furachair? An robh làmh eile ann a laimhsicheadh a chreuchd gun a leon mar dheanadh ise? Cò a cheartaicheas a chluasag air adhart leaba na h-euslainte mar dheanadh ise? Riamh cha d’ thug i dùil, gad a bha a sùil a’ sileadh, cha chualas a gearan. Gad a thigeadh a chlann gu bochduinn cha’n fhaicte caochladh air a gnùis. Roinneadh i riu an greim fa dheireadh, ga nach biodh aice ach làn an dùirn de mhin bu leosan e fhad ’sa mhaireadh e. Gad a bheireadh teang a mhi-ruin beum dhoibh, cha ’n éisdeadh i ri tuaileas, ’s cha chreideadh i droch sgeul. Ann am bàs màthar tha muinntir òg a’ call a chomhairl is prìseile. Tha clann òg aineolach ma’n t-saoghal, agus mu chuilbheairtean an t-sluaigh; iad gach àm ann an cunnart a bhi air am mealladh le baoth-chairdeas mi-dhìleas; ach cealg cha’n’eil ann an comhairle màthar. Cha ruigear a leas ni sam bith a chleth uaipe; agus bheir i a comhhairle ann an caoimhneas cainnte le caomhalachd agus bàigh. Nach d’ fhiosraich cuid agaibh so ann an làithibh ur n-òige, agus nach brònach ri smaointeachadh nach ’eil a gliocas ni ’s faide agaibh. Cò sdiùir sibh gu cathair na’n gràs ’nar leanabas? Cò theagaisg dhuibh an glùn a lùbadh, ’s a chuir briathra freagarach ’nar beul? Cò labhair ribh mu ghràdh ur n-Athar neamhuidh, a dh’ innis duibh mu Chriosd, agus a dh’ aom sibh gu cobhair agus sdiùradh Spiorad na’n gràs aslachadh? A chaoidh cha’n fheoraich i dhibh tuille ’n do chuimhnich sibh an diugh air Dia? Cha tog i libh tuille an [TD 136] laoidh—cha d’ theid i tuile romhaibh do thigh Dhe—cha suidh sibh tuille leatha a dh’ éisdeachd an fhocail. Tha ’n t-àit am b’ àbhuist di suidh aig bord a chomanaich—am biobull as am bu ghnà leatha focal na slaint’ a leughadh,—an leabadh as an do chuir i suas a choilion ùrnuigh air mo shon, air an do ghabh mi an cead deireannach, nach di-chuimhnich mi a chaoidh, tha so uile a’ toirt am chuimhne na chaill mi, gun d’ thugadh Dia comas domh feum iomchuidh a dheanamh dheth. 48. Mu cho fhurtachd mu bhàs Màthar. THA bàs màthar, da rireadh na aobhar bròin; ach buidheachas do Dhia, cha’n’eil clann air am fàgail gu bròn mar mhuinntir aig nach ’eil dòchas. Tha sòlas a’ sruthadh o’n fhiosrachadh gur h-ann o laimh Dhe fein a tha ’n deuchainn so a’ tighinn. ’Se so a thug air righ Daibhidh a ràdh ann an là a bhroin, “Tha mi balbh, cha’n fhosgail mi mo bheul, oir is tusa fein, a Dhe a rinn e.” Is amaideach faoin an ni do chreutairibh gearr-sheallach, mar a ta sinne, a bhi ri monmhor fo bhuintinneas freasdail an ti naomh sin, tha glic na chomhairle, agus glormhor ann an neart. ’S ann ris fein a tha sinn an earbsadh arson gach sochair agus sòlas a th’ againn. Nach mi-chiatach a thig e gearan a dheanamh, agus diulta striochda ’nuair is deònach leis-san aon bheannachd a bhuilich e fein oirn, a ghairm air falbh. O! b’ fhearr gun robh e againn mar chainnt, ’Stu fein a rinn so, O mo Dhia, gu ma beannuichte t-ainm! Thigeadh dhuinn a chuimhneachadh nach Bith feargach gun iochd a tha toirt gach atharrachadh de’n ghne so mu’n cuairt; ach esan, Athair caomh nan uile thròcair, aig a’ bheil an gràdh is àirde d’a mhòr theaghlach. ’S e Dia a thug mu’n cuairt an ni a dh’fhàg mise co cianail; ’s e fein a dh’ àithn an t-àm [TD 137] san dòigh bu fhreagaraich. Ann an gliocas neo-mhearachdach, ann am maitheas neo-chriochnach, bha e uile air a shocrachadh; agus uair no uair-eiginn san t-saoghal so no san t-saoghal ri teachd tuigidh sinn gur ann mar so a bha. Tog uime sin do mhisneach, thus a tha fo bhròn; bi taingeil gun robh ise dh’ fhalbh air a caomhnadh co fad; abair ann an creidimh striochdta mar thuirt Iob, ’Se Dia thug dhomh, ’se fein a thug uam, gu ma beannuichte gun robh ainm an Tighearna. Nach culaidh shòlais dhuit a thoirt fainear nach robh aon sochair a thainig riamh a’d’ ionnsuidh o d’ mhàthair a dh’fhalbh, nach ’eil ri fhaotninn o Dhia, anns an tomhas is àirde agus is iomlaine. Bu mhòr gradh do mhàthair do d’ thaobh; ach an coimeas e ri gràdh Dhe a tha dol thar gach uile eolas. Ann an oidhche bhròin tog do ghuth, agus seinn moladh agus cliu na tròcair sin a mhaireas gu bràth; agus an gràdh caoimhneil sin is fearr na beatha. B’i so laoidh bhàis do mhàthar, agus am bi i air a di-chuimhneachadh leatsa ann an là do bhochduinn? An robh bàigh aig do mhàthair do d’thaobh, agus an do ghabh i cùram dhiot? tilg gach cùram air Dia, oir cha dìobair esan thu ’s cha tréig. Eadhon a nise fein, ’nuair tha thu ’n impis faillneacha tha esan a’ togail suas air do shon càirdean, agus tha sòlais aige air an tasguidh fa d’ chomhair ’na àm math fein. Aon osna cha’n éirich o d’ uchd gun fhios da; dean do ghearan ris, gheibh thu faobhachadh, agus sòlas. Gheibh thu co’-fhurtachd ann am bàs màthar le bhi coilionadh, mar bheir Dia cothrom dhuit, gach deagh rùn a bha ’na cridhe. Smaointich leat fein ciod an ni a bheireadh am barrachd sòlais d’ise nam biodh i làthair; oirpich sin a dheanamh, agus gheibh thu toileachas-inntinn mòr ann an là a bhròin. ’Bheil bràithre no peathraiche òga maoth agad, ciod [TD 138] air leat mar bu mhath le d’ mhàthair thu ga’n gnàthachadh? Oirpich so a dheanamh, ’s ga d’ a robh doilghiodais san rathad, cha bhi do shaothair gun duais. ’N robh iomaguin orraise mu muirighinn an àm dealachadh riu? as uchd na rinn ise riamh air do shonsa, bi thusa mar is urra dhuit an àite pàranda dhoibhsan. An robh sonas an anama os cionn gach ni eile a’ dùsga suas cùram na cridhe? saoithrich thusa, cleachd a h-uile dìcheall gum bi ìomhaigh Chriosd air a chruthachadh annta. Mar so, cha’n’eil uair a smaointicheas ta oirres a dh’fhalbh nach faigh thu sòlas; cha’n’eil uair a shuidheas tu air an fhòid ghuirm a tha thairis oirre, nach mothaich thu subhachas inntinn; ’s an uair a choinnicheas sibh air neamh cuiridh i fàilte ort le deòthas co àrd ’s nach ’eil e nis comasach do d’ chridhe a thuigsinn. A’ bheil thu fo bhròn arson bàs màthar chaoimh, ’s am bu mhiann leat co’-fhurtachd fhaotainn? Bi thusa mar bha ise, cuimhneachail air Dia, gràdhach mu d’ Shlanuighear, is do ghnà thaic leagta air an Spiorad. Cha’n’eil aon sòlas is àirde na bhi strìgh gu ruigheachd air na gràsa is na beusan arson an robh na daoine math o’n d’thainig sinn co ainmeil. Am bi sinne ’nar cealgoirean, agus iadsan, math a dh’ fhaoide a’ toirt fainear ar giulain? Nior leige Dia gun d’thugamaid tàmailte air cuimhne no deagh ainm nam pàrandan math o’n d’thainig sinn. Nach brosnaich e sinn gu bhi faicilleach an dòchas àrd gu bheil an t-àm a’ tighinn anns an abair iadsan ’s iad gar tiomna suas do Dhia, Feuch, a Thighearn, an so tha mis agus na leanabain a thug thu dhomh. Anns an àite ma dheireadh, tha co’-fhurtachd fo bhàs màthar o chreidsinn gu bheil ise sonadh, gu’n coinnich sinn fadheoidh ann an dùthaich aghmhoir bheannuichte, far nach bi dealachadh ni’s mò; far nach bi airsneul, no caoidh, no bàs tuille. Dh’fhàg spiorad do mhàthar a cholainn, ach c’àit an deachaidh e? Fosgail Soisgeul Chriosd agus chi [TD 139] thu gu bheil spioraid nam fìrean maille ri Dia; agus am feadh a tha thusa ri bròn, gu bheil iadsan a’ sealbhachadh sòlais bhuan mhaireannach. Dh’ ise dh’fhalbh, tha gach cùram agus othail shaoghalta am feasd seachad. Tha i maille ri Criosd, far an deachaidh e dh’ uimeachadh àite-còmhnuidh ga luchd-leanmhuinn. Chuala tu i ’g ràdh riut gun robh fiuthair aice do choinneachadh air neamh; agus chuir i mar fhiachaibh ort, a bhi dìleas gu bàs. A cholann sin a chunnaic thus’ air a càramh fo’n fhòid, san ùir far am bu mhiann leats an diaigh bàis codal; éiridh an corp sin fathast, neo-thruaillidh agus neo-bhàsmhor. Buailidh an cridhe sin bu bhlàithe, ni’s blàithe na rinn e riamh; agus na sùilean sin a bha làn de chaoimhneas, fosglaidh iad an déigh so ni ’s carthannaiche na bha iad riamh. Na gairdeana sin a ghiulain thu a’d’ òige le bàigh, paisgidh iad thu fhathast na’n glacaibh; agus canaidh na bilean sin le fàilt an aigh—Gun robh Dia gràsmhor dhuit, O! mo mhac! 49. Sgriobhadh air Lichd-lighe an Clachan-an-dìseirt. AN so na luidh tha te san Innis Bean bu duilich leam bhi ann; Beul a chiùil, is lamh a ghrinnis, Tha iad a nis an so nan tamh. Tuille cha toir am bochd ort beannachd An lomnochd cha chòmhdaich thu ni’s mò, Cha tiormaich deur o shùil na h-ainnis, Co tuille O lag a bheir dhuit treoir. Cha’n fhaic sinn tuille thu sa choinneamh, Cha suidh sinn tuille aig do bhord, [TD 140] Dh’fhalbh uainn suairceas, seirc is grinneas Tha bròn is bith-mhulad air teachd oirn. 50. Marbhran do’n Ard-urramach Mr. Seumas Beattie a bha ’n Obaireadhain. Och nan Och! mar a ta mi! Thréig mo shùgradh, mo mhàran, ’s mo cheol! ’Strom an aiceid tha m’ chràdh-lot, ’S goirt am beum a rinn sgàinteach am fheoil. Mi mar annrach nan cuaintean, A chailleas astar feadh stuaghaibh sa cheò; O’n bhuail teachdair a bhàis thu, A charaid chaoimh bu neo-fhailteumach gloir. A Ghaoil! a Ghaoil de na fearaibh! ’S fuar a nochd air an darach do chrèubh, ’S fuar a nochd air a bhord thu, Fhiurain uasail bu stòild ann ad bheus! An lamh gheal, fhuranach, chàirdeil, Is tric a fhuair mi le failte gun phléid, Ri d’ thaobh san anart na sìneadh, Na meall fuar creadha, fo chìs aig an eug. A mhiog-shuil donn bu tlàth sealladh, A nis air tionnda gun lainnir a’d’ cheann! ’Sàmhach binn-ghuth na h-ealaidh! ’S dùint am beul ud o’m b’annasaich cainnt! An cridhe firinneach soilleir, Leis ’m bu spìdeil duais foille, no sainnt; An nochd gun phlosg air an déilidh, Sian mo dhosgain, nach breugach mo rann. Gun smid tha’n ceann anns na thàrmaich Bladh gach eolais a b’àird ann am miagh; [TD 141] Gliocas eagnui na Gréige, ’S na thuig an Eadailt bu gheur-fhoclaich brigh! ’S balbh fear-réitich gach teagamh Anns a bheurla chruaidh, spreigearra, ghrinn! ’Nuair bhios luchd-fòghluim fo dhubhar, Cò na d’ ionads’ a dh’ fhuasglas an t-snuim? ’S balbh an labhruiche pòngail, Bu tearc r’a fhaotainn a chompanach beoil; ’Am briathraibh snaidhte, sgéimh-dhealbhach, A chur na h-ealaidh no’n t-seanchais air neoil; Ge b’e Bàrd an dàin cheutaich, Ma chian-astar Eneais o Thròidh; ’S firinn cheart nach bu diù leis, E fein thoirt mar Ughdair do sgeoil. Gun smid tha’n Gliocair a b’ eolaich, Air fad na cruitheachd a dh’òrduich Mac De! Gach gne an saoghal na Fairge, ’Sa mhachthir chòmhnaird, no’n garbhlaich an t-sleibh: Gach bileag ghorm a tha lùbadh, Fo throm eallaich nan drùchd ris a ghréin: ’S an rioghachd mheatailteach b’àghmhor, Do phurp ag innse dhuinn nàdur gach seud. ’S balbh fear aithne nan ràidean, A shoillsich Aingil a’s Fàidhean o thùs; A’s Soisgeul glormhor na slainte, Thug fios air tròcairean Ard-Righ nan dùl: An stéigh gach teagaisg bu ghràsmhoir, ’S tearc Pears-eaglais thug barr ort, a Rùin! Dòchas t-anama bu laidir, ’S an fhuil a dhoirteadh gu Pharrais thoirt dhuinn. Riaghluich t-eolas do ghiulan, Modh na foirfeachd a b’ iùl duit ’s gach ceum: Do mhor chridh uasal gun tnùth ann, Gun ghoimh, gun uabhar, gun lùban, gun bhreug. [TD 142] Cha b’e uailse tholgach an fhasain, Cha dealradh saibhreis a thatadh do spéis; ’Si ’n inntinn fhior-ghlan a b’ fhiu leat, A’s foghlum dìchill ga stiùradh le céill. Mo chreach léir an tigh mùirneach, ’S am faict’ a ghreadhain gu sunndach m’an bhòrd, Dreois na céir a toirt soillse, Gach fion bu taitniche faoileas fo chròichd: Do chuirm bu chonaltrach, fàilteach, B’ aiseag slainte dhuinn mànran do bheoil; Bu bhinn a thogail na téis thu, ’Sa chruit fhonnmhor ga gleusadh gu ceol. ’Nuair a dh’ éirgheadh còisridh bu choinnealt, A dhanns’ gu luth’ar ri pronnadh nom pong; Gum b’ eibhinn crìdh do mhnà-comuinn, Do chròithlein maoth ’s iad gu tomanach, donn; A ghearradh leum air bhòrd loma, Dol seach a chéile mar ghoireadh am fonn; Ach dh’ fhalbh sid uile mar bhruadar, No bristeadh builgein air uachdar nan tonn. A Righ! gur cianail mo smaointean, Ri linn do t-aros bhi faontrach gun mhùirn! Sguir a chuirm ’s an ceol gàire, Chaidh meodhail ghreadhnach a’s mànran o’r cùl: Chinn an talla fuar fàsail; ’Se chuir mullach na fàrdoich ’na smùr, Ceann na didinn, ’s na riaghuilt, A bhi sa chadal throm shiorruidh nach dùisg! Do bhantrach bhochd mar eun tiomhaidh, Ri truagh-thùrsa, ’s a sgiathan mu h-àl; A neadan creachta, ’si dòineach, Mu gaol a sholair an lòn doibh gach tràth; O’n dh’ imich Fir-eun na h-ealtainn, Tha’n t-searbh-dhìle ’tighinn thart as gach àird! [TD 143] A Righ nan Aingeal! bi d’ dhion doibh, ’S tionndaidh ascaoin na sìne gu tlàths. ’S ioma sùil a ta silteach, A thaobh Uigh nam fear glic gun bhi buan: Tha mìlte urnuigh ga d’ leanailt, Le mìlte dùrachd, a’s beannachd gn t-uaigh; A liuthad diùlannach ainnis, A dh’ àrduich t-ionnsachadh ainneamh gu h-uaill; ’S gach là bhios càirdeas air faoineachd, A Bheattie chliùitich! bidh cuimhn air do luach. Rinn t-eug sinn uile gun sòlas, Tha teach nan innleachd, ’s an Oigridh fo phràmh; Chaidh Albuinn buileach fo éislean, Sguir na Ceolraidhean Greugach de’n dàn: Thainig dall-bhrat na h-oidhch’ oirn, O’n chaidh Lochrann na soillse na smàl; B’e sid an crith-reothadh céitein, A mhill am fochann bu cheutaiche bàrr! Bu tu craobh abhull a ghàraidh, A chaoidh cha chinnich ni ’s àillidh fo’n ghréin! Dealt an t-sàmhruidh mu blàthaibh, Lùisreadh dhuilleag air chrachdaibh a geug: Ach thilg dubh-dhoireann a gheamhruidh, A bheithir theinndi le srann as an speur; Thuit an Gallan ùr rìomhach, ’S uile mhaise ghrad-chrion air an fheur! A Thi tha stiùradh na cruinn e! ’Stu leig d’ar n-ionnsuidh am buille bha cruaidh! ’S sinne chaill an t-sàr Ulaidh, Neonaid phrìseil nan iomadai buaidh!— Dh’fhalbh a chombaisd, ’s na siùil oirn, Chaidh an gaisreadh ’s an fhiubhai ’n am bruan; Gach creug na cunnart do’n fhiùraich, O laigh duibhr’ air Reull-iùil an taobh tuath. [TD 144] Och nan och mar a ta mi! Mo chridhe ’n impis bhi sgàinte le bròn! Tha’n caraid cùirt an déigh m’ fhàgail, A sheasadh dùrachdach dàn air mo chòir: Bidh sid am chliabh mar bheum cnàmhain, Gus an uair anns an tàr mi fo’n fhòid; Ach ’s glic an t-Aon a thug cìs dhinn, ’S da òrdugh naomh biomaid strìochdta gach lò. 51. Mar fhuaradh a mach America. AN toiseach an fhoghair sa bhliadhna 1492 chuir Columbus fa sgaoil mu éirigh na gréine ann an làthair sluagh mòr, a thog an ùrnuigh suas as a leth gu neamh, a’ guidhe gu dùrachdach gun soirbhicheadh leis, ga nach robh dùil sam bith aca gum buadhaicheadh e na bha na bheachd. Cha robh aige ach tri loingeas agus cha robh iad sin fein ach beag. Bha annta so ceithir fichead pearsa sa deich, a chuid bu mhò dhiu nan seoladairean; a bharr air àireamh bheag eile a chaidh leis air tòir na dh’ fhaodadh iad a bhuannachd; agus cuid de uaislibh na Spàinde chuir a bhan-righ a mach maille ris. Rinn e ghabhail gu direach arson na n-eileanan sin ris an canar na Canaries; ’s an déigh dhoibh an loingeas agus gach acfhuinn a bhuineadh dhoibh a cheartachadh, agus gach uidheamachadh eile bha feumail a dheanamh: ghabh e chead deireannach de’n àite sin, air an t-sèatha là de mhìos meadhoin an fhogharaidh. ’S ann a nis a thòisich e air an turus fairge bha na bheachd; stiùir e gu dìreach an iar, thréig e gach àird, agus gach slighe fairge, air na sgaoile gus a sin seol, agus ghabh e’n cuan mòr fo cheann. Cha deach e fad air aghaidh air a cheud là, oir cha robh deò shoirbhis ann, ach air an ath-là rinn e folach cuain air na h- [TD 145] eileanan a dh’ fhàg e; bha iad a nis gu buileach as a shealladh. Thuit na seoladairean a nis gu diobhail misnich, ’nuair a thug iad fainear an ni eagallach a bha ’m beachd an duine so, ag iarruidh saoghal ùr air nach cualas riamh iomradh; bhuail iad air an uchd le uabhas, shil an deoir gu frasach, a’ smaoineacha nach d’ thigeadh an là a chitheadh iad cladach tuille. Bhrosnuich Columbus iad gu misnich, a’ toirt cìnnte dhoibh gun soirbhicheadh leo, agus a’ cur an céill doibh an saibhreas mòr a chosnadh iad dhoibh fein anns na dùchaibh tarbhach ùr chum an robh e nis gan treòrachadh. Thuig Columbus gu tràth o ghiulan gealtach, meith-chridheach a luchd leanmhuinn, gun robh aige ri strìgh, cha’n e mhàin an aghaidh na doilghiodais a bha fuaighte ris an turus chunnartach air an robh e dol, ach mar an ceudna an aghaidh cuir-iomchuir agus gearan nan daoine meata a bha maille ris: agus mhothaich e gun robh seoltachd agus toinisg co feumal chum inntinn dhaoin’ a cheannsachadh ’sa bha eolas, tuigse agus teomachd ann an toirt na loingeas gu tearuinte as gach gàbhadh. Bu mhath dhàsan agus ga dhùthaich nach do sheas ceannard air luing bu fhreagaraich air gach dòigh na esan chum cuir an aghaidh gach cruaidh-chas. Bha e innleachdach, àrd-thogarrach, dàn’ agus cruadalach, agus air an laimh eile, bha e foighidneach, stuama, agus seas’ach; eolach air an t-saoghal agus air nàdur dhaoine, suairce modhail na chainnt, agus fearail na ghiulan, ionnas gun robh aige gach buaidh a bha feumail a chum urram a chosnadh, agus smachd a sheasamh: os cionn gach ni cha d’ amharc maraiche riamh ann an cridhe fuaraidh a thug barr air, ni nach faodadh gun a thoirt air daoine làn-earbsa chur ann ann an àm cunnairt na gàbhuidh. An déigh dhoibh bhi mìos aig fairge, agus an sgioba an impis fairtleachadh air le ’n gealtachd cheannairceach, mhothaich iad fa dheireadh comharan a dhearbh dhoibh gun robh iad a’ dlùth- [TD 146] acha gu tir. Rainig an luaidh-thomhais a thilg iad a mach grinneal na fairge, agus thuig iad air coslas na làthaich a thainig a nios nach robh am fearann fad air falbh. Bha sgaoth eun a’ teachd dlù dhoibh air gach taobh, ’s a’ fàs ni ’s lionmhoire o àm gu h-àm: cha ’n e mhàin eoin mhara ach mar an ceudna eoin tìre nach b’ urrainn itealaich fad o’n tràigh. Mhothaich sgiob a h-aon de na soitheachan cuilc a’ snàmh air an fairge a ghearradh do réir coslais o cheann là na dhà, agus mar an ceudua, mìr maide air a shnaidhe gu h-innleachdach. Thog muinntir a h-aon eile de na loingeis geug craoibhe air a h-ùr bhuain air an robh dearcan dearga. Bha coslas ùr air na neoil mu thimchioll na gréin an am dhi dol fodha, bha’n oiteag ni bu chiùine agus ni bu bhlàithe—rè na h-oidhche bha ’n soirbheas air ais agus air adhart o gach àird, thuig Columbus air a so gun robh iad dlù do thìr. Bha e co dearbh-chinnteach as a so, ’s gun d’ àithn e air feasgar an aon-là-deug de mhìos deireannach an fhoghair, ’an déigh ùrnuigh fhollaiseach a chur suas, na siùil a phasgadh, agus luchd-amhairc fhurachair a chur air freiceadan, an earalas nach dlùthaicheadh iad gun fhios doibh air tir. Fad na h-oidhche sin, anns an robh dochas agus dùil gach aon co àrd, cha d’ thainig codal air sùil. Bha gach aon air clàr uachdrach na luinge; cha do theiring duine.—Bha h-uile sùil gu dian iomaguineach ag amharc a mach ris an àird o’n robh dùil aca a cheud sealladh air tìr-mòr fhaotainn, miann an cridhe agus dùrachd an anama. Tamull beag roi mheadhon oidhche, ’nuair a bha Columbus na sheasamh ann an toiseach na luinge, mhothaich e solus fada uaithe, agus chomharaich e a mach e do dhithis dhaoine bha nan seasamh laimh ris. Chunnaic iad nan triùir an solus a’ gluasad o àite gu àite, agus beagan an déigh sin chualas o a h-aon de na loingeais a bha sa chuideachd, an iolach aoibhneach TIR, TIR. Ach [TD 147] mhealladh iad co tric le baoth-choslais, ’s gun robh iad a nis an-amharusach nan inntinn. Dh’ fhuirich iad uime sin ann an iarguin iomaguineach ri tilleadh an là. Cha luaithe bhris fàire na maidne na dh’ fhalbh gach aobhar eagail agus amharus: chunnaic iad eilean séa mìle mu thuadh dhoibh, le mhachraichibh lurach uaine, le choilltibh àrd dosrach, air uisgeachadh le aibhnichibh fionnar, nithe a thug gne bheachd dhoibh air maise na dùthchadh àluinn a bha rompa. Thog sgioba na luinge sin, a fhuair a cheud sealladh air tìr, laoidh mholaidh do Dhia, agus cho’-fhreagradh an fhuaim o gach aon de chàch, le deuraibh an aoibhneis, agus àrd cho’-ghairdeachas anama. Cha luaithe chuir iad an taingealachd do neamh an céill, na thaisbein iad an àrd-mheas do ’n Cheannard. Thilg iad iad fein aig a chosaibh, air an irioslachadh le cuimhn air an aineolas agus am mi-shuairceas d’a thaobh, a choisinn doibh fein agus d’ an Ceannard cho liutha triobluid. Dh’ amhairc iad a nis air mar dhuin air a shoilleireachadh o neamh, aig an robh eolas agus misneach thairis air a chuid eile de ’n chinne dhaonna, trid an robh comas aige na bha na bheachd a thoirt gu crìch. Co luath ’s a dh’ éirich a ghrian bha gach geòl a mach, agus an sgiobadh annta fo’n armaibh; dh’ iomair iad air falbh a dh’ ionnsuidh an eilean, le ’m brataichibh rìomhach, le ceol curanda buadhar, agus leis gach mòralachd cogaidh eile a b’ urrainn doibh a nochdadh. ’Nuair a dhlùthaich iad air an fhearann mhothaich iad gun robh àireamh mhòr shluaigh rompa, a chruinnich ’nuair a chunnaic iad na loingeis, a’ taisbeana na’n giulan gu leir an t-iongantas agus an t-uabhas leis an do mhothaich iad gach sealla coimheach, agus cuspair ùr a bha nis nam beachd. B’e Columbus a cheud duine o’n Roinn-Eorpa a sheas riamh air an t-saoghal ùr so a fhuair e fein mar so a mach: bha e air éididh ann an culaidh dhreachmhoir eireachdail, [TD 148] claidheamh rùisgte na laimh, lean a chuid daoine e, ’s a’ tuiteam air an glùinibh, phòg iad am fearann a bha na h-urrad fhadail orra chum a ruigheachd; thog iad crois, agus gan sleuchda fein thug iad taing do Dhia a thug ceann-crìche co sòlasach air an turus. Ghabh iad an sin seilbh san dùthaich, ann an ainm bann-righ na Spàinde, leis gach cleachda bha cumanta san linn sin. Chuartaich muinntir na dùthchadh iad, a’ mothachadh le ìoghnadh agus le urram fiamhach do na nithibh a bha na Spainndich a deanamh, ged is beag a bha fios aca, mo thruaighe! ciod bu chiall da. Bha èididh nan Spainndeach—gilead an craicinn, am féusagan—an airm agus gach ni eile nan aobhar ìoghnaidh dhoibh. Na soithichean mòr air an d’ thainig iad o’n chuan, a bha air leo, a’ gluasad air an fhairge mar gum b’ ann le sgiathalbh, agus o’n d’ thainig fuaim co uabhasach lasrach, le tairneanach, le dealanach, agus le smùid co eagallach, lion so iad le mùiseag agus uabhunn: smuaintich iad nach bithean cruthaichte a bh’ annta, ach clann na gréine, a theiring c’ar tamuill a dh’ ionnsuidh an t-saoghails’. Ma bha iongantas air na h-Innseanaich bhochda, ’s gann bu lugha bha air na seoladairean, bha h-uile craobh, a h-uile lus annasach dhoibh. Bha ’m fearann, do reir coslais, tarbhach ga nach do threabhadh riamh e. Bha chearna so de’n domhan teith leis na Spainndich, ach na dhiaigh so uile, ro thaitneach. Bha ’n luchd-aitich gu lòm rùisgte ann an neo-chionteis nàduir. Am falt fada dubh a’ snàmh air an guaillnibh, no air fhidhe na chaisreagaibh dualach mu thimchioll an cinn. Bha neul nan daoine ruadh; bha ’n aogas neo-choslach ri aon ni riamh a chunnaic iad san Roinn-Eorpa, ach na dhiaigh sin gun bhi idir mi-thaitneach; bha sealladh an gnùis caoimhneil, caomh, agus fiamhach. Ga nach robh iad àrd, bha iad air dheagh chumadh, iasguidh, fuasgailteach. Bha ’n aghaidhean agus [TD 149] earrannan eile d’ an cuirp air an dath gu guanach amaideach, bha iad nàrach athach air tùs; ach ann an ùine ghoirid chinn iad ro ionmhuinn mu na Spainndich, agus le gairdeachas anabarrach ghabh uatha cnaipeanan, aigeailean gloine, agus faoineachd eile dhe ’n t-seorsa sin, ann an iomlaid arson aon ni a bh’ aca r’a sheachnadh. Thill Columbus mu fheasgar a dh’ ionnsuidh na luinge, lean mòran de na h-Innsinich e, ann an sgothan fhada chaoladh a chladhaich iad a mach o chalpa chraobhan mòr a leag iad, a shnaith iad gu cumadh, agus a dh’ iomair iad gu h-eutrom seolta. Mar so fhuaradh amach America; agus mar so ann an càirdeas, agus deagh rùn, choinnich luchd-àitich an t-sean saoghail agus an t-saoghail ùir làn thoilichte taobh air thaobh le chéile. Bha na Spainndich fiosrach, eolach, agus sanndach; thuig iad chean co luachmhor ’sa bhiodh na cearnaidh so de’n dùthaich; ach na h-Innseinich bhochda aineolach, gad a bha iadsan sòlasach, is beag fios a bh’ aca co liutha àmhghar, uabhas agus foirneart a bha na lorg so ri éiridh dhoibh. 52. Lavinia. BHA cairdean aon uair aig Labhinia òig, An ainnir àillidh dh’ fhàg iad i gu moch, ’Na naoidhein chaill i h-uile earbs’ is taic, A h-uile muinghinn ach neo-chiontas is neamh. Le màthair, banndrach uireas’each is lag, Am bothan iosal chòmhnuich iad le chèil; Folaicht’ o dhaoinibh ’an diomhaireachd nan gleann, Fo dhubhar chraobh an uaigneas sàmhach séimh, Gu mòr ni ’s mò le macantachd is beus; Le chéile sheachain iad mar so an tàir, [TD 150] Tha daoin’ a’ deanamh th’ air an at le uaill, Air mais’ is beausaichead ann an là an airc. Bu ghann an lòn, ’s cha mhòr nach b’ ionnan fòs Is eoin nan geug, a thàlaidh iad gu suain, Iad sona ’n diugh, suarrach m’an àm ri teachd. Bu chùbhraidh a dealbh na blàth a chéitein ùir Fo dhealt na maduinn mhoich, bu ghloine snuadh, N’an canach fein, na’n sneachd air uchd nam beann. A sùil ghorm am macantas co caoin, Gur gann a thog i—a’ dearcadh sìos le bàigh, Air snuadh nan neònain ’s air blàithibh maoth; No an uair a dh’ éisdeadh i ri sgeul a bhròin, Ma chaochladh dòchais a bha aon uair co àrd, Mar reul an anmoich dh’ aomadh iad a sìos, Fo dhealta tlà nan deur.—B’ àillidh a dealbh A mhaighdean dhreachmhor so bu mhaisich fiamh; Le trusgan eatrom dh’ éididh i gu grinn, Gun bheag de rìomhadh àrd.—A h-àilleachd-sa Cha’n iarraidh sgéimh na snas o rìomhadh fòs; Gun riomhadh idir ’s ann bu rìomhaich i. Suarrach m’a h-àilleachd, b’ àilleachd i air fad, An ribhinn aonar’ach ann an uaigneas ghleann. Mar ann ’an doimhneachd dhìomhair tir nam beann, ’An coire fasg’ach, no ann an glacaibh blàth, A chinneas sòbhrach fad o shealladh sùl, Le fàile fallain mach air feadh an raoin; Mar sin gu cùbhraidh is gun fhios do’n t-saoghal, Gu lurach àluinn chinn Labhinia suas. 63. Mu na h-Aingil naomha. THA na h-aingil naomh air an leige ris duinn ann am focal De mar bhithean àrda a tha àluinn, glic, cumhachdach, math agus sonadh os cionn aon ni is urrainn duinne a thuigsinn no a smaoineachadh. [TD 151] ’Se seadh an fhocail so Aingeal, teachdoire. Tha iad air an ainmeachadh nan àrd-chaithrichean, tighearnais, uachdaranachda, agus cumhachda; tha iad mar an ceudna air an ainmeacha Cherubims anns a bheil lànachd eolais, agus Seraphims, no bithean lasarach, ainmean a tha leige ris duinn gu soilleir an inbh àrd anns a bheil iad air an càramh le Dia. Tha iad air uairibh air an ainmeachadh, Reulta na maidne, a’ leige ris duinn àilleachd agus maise nam bithean naomha so, teachdoirean Chriosd, àrd Ghrian na fireantachd. Tha na bithean cruthaichte eile fòdhpa ann an urram, ’s nan iochdrain doibh ann an inbh. Tha so soilleir ma bheir sinn fainear an t-ionad anns a’ bheil iadsan a’ gabhail an naomh chòmhnuidh. Is mis Gabriel, deir an t-aingeal a thainig a dh’ ionnsuidh Shecharias san teampull, Is mis, a deir esan, a sheasas an làthair Dhe; agus tha’n Diadhair Eoin ag ràdh, ann am meadhon na righ-chaithreach, agus mu’n cuairt de’n righ-chaithir, sheas na h-aingil, agus cha do sguir iad a là no dh’oidhche ag ràdh, “naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, ata, agus a bhitheas;” agus ann an àit eile “Sheas na h-aingil uile timchioll na righ-chaithreach, agus rinn iad aoradh do Dhia.” Tha’n ni ceudna air a leige ris duinn ann an iomad àite de na Scriobtuire naomh, mu thimchioll nan aingeal, gu bheil iad a’ seasamh ann an làthair Dhe, a’ cuairteachadh a chaithir-rioghail, agus do ghnà ag aoradh aig a chosaibh. ’S fhurasda thuigsinn uaithe so gur h-àrd agus urramach an inbh anns a bheil iad air an càramh, agus gur ann doibhsan a bhuineas an t-urram is àirde a’ measg nan uile bhithibh cruthaichte. Tha’n fhirinn cheudna soilleir o dhealradh gloir nan aingeal sin, a chunnacas air uairibh san t-saoghal so, an uair a thainig an t-aingeal a thogail air falbh na lichde a bha air uaigh Chriosd, “Bha ghnùis mar dhealanach, agus eudach geal mar shneachda.” [TD 152] “Chunnaic mi,” a deir an diadhair Eoin, “aingeal cumhachdach eile a’ teachd a nuas o neamh, air a sgeudachadh le neul, agus bogha-frois air a cheann, agus aghaidh mar a ghrian,” B’i so a ghloir, agus a mhaise a chòmhdaich na bithean arda so, air dhoibh a bhi mach air teachdoireachd Dhe, a’ cur ann an céill a thoil. Tha na buaidhean is àirde is urra creutairean cruthaichte a chleachda air a bhuileachadh air na h-aingil. Oir anns a cheud àite, Tha cumhachd iongantach aca, tha iad air an ainmeachadh “cumhachda” neimh, mar tha’n Salmadoir ag ràdh, aingle treun an neart. Is iomad soilleireachd a th’ againn air cumhachd nan aingeal, as na leabhruichibh naomh. Thug aingeal sgrios ann an tri laithean air deich mile ’s tri fichead de mhuinntir Iudaih, agus Israeil arson peacaidh Dhaibhidh ann an àireamh an t-sluaigh: Thug aingeal sgrios air armailt mhor Shenacherib ann an aon oidhche. Tha aingeal air a nochda dhuinn ann leabhar taisbein Eoin, a’ glacadh ceithir ghaothan an aidheir na dhearnaidh, agus a’ toirt a mach breitheanais an Tighearna ann an aghaidh saoghail aingidh. Anns an leabhar cheudna tha ioma soilleireachd againn air cumhachd nan aingeal, mar chi iadsan leis an àill a rannsachadh. Tha na h-aingil naomh siubhlach, ealamh, ullamh ann an tomhas a tha do-thuigsinn dhuinne. “’Se fein a rinn na h-aingil fòs, ’nan spioraid laidir thréin; ’Se rinn ’nan teine lasarach, a theachdairean gu leir.” Tha’n luaths air a choimeas ri luaths na gaoithe ag oibreacha le cumhachd teine lasarach. Tha eachdruidh againn ann an leabhar Dhaniel ix. Caib. far a’ bheil e air innse dhuinn gun do chuir Daniel aghaidh ris an Tighearna Dia, ga iarruidh le traisg, [TD 153] a’ deanamh ùrnuigh agus aidmheil; am feadh ’s a bha e labhairt, tha sinn a’ leughadh gun d’thainig an t-aingeal Gabriel a nuas mu àm na h-iobairt fheasgair a thoirt gliocas agus tuigse dha, eadhon o neamh nan neamh an fheadh ’sa bha e ri ùrnuigh, luaths a tha fada os cionn aon ni is comasach dhuinn a thuigsinn. Tha òige shiorruidh nach searg ’s nach fàillnich mar bhuaidh àrd aig na h-aingil naomh. Na h-aingil a chunnaic Muire aig uaigh Chriosd, gad a bha iad san àm sin ceithir mìle bliadhn a dh’ aois, bha iad mar dhaoin òg air nach d’thainig atharracha na caochla cruth. Bha orra blà àluinn, bha ùr’or, òg, ’s a mhaireadh mar sin gu bràth. Riamh cha d’ fhiosraich iad uireasbhuidh no dì—cha do dhochainne riamh iad le tinneas, cha mho dh’fhairich iad dòlas; air goirteas tha iad aineolach, agus tha aoibhneas agus sìth a’ gabhail tàmh ’nan uchd. Tha eolas àrd aig na h-aingil naomh; thugadh cumhachda inntinn doibh, freagarach do mhic Dhe, a chruthaicheadh gu seasamh mu thimchioll a chaithir-rioghail, agus an t-àit is àirde a lionadh na rioghachd shiorruidh. Bha iadsan do ghnà a chòmhnuidh san t-saoghal sin far a’ bheil firinn gun truailleadh a’ riaghladh, far a’ bheil eolas neo-mhearachdach aig gach aon, anns a’ bheil gach dìomhaireachd air a dheanamh soilleir, agus uìle bhuintinneas Dhe, ann an lionmhoireachd oibribh, air feadh farsuingeachd an domhain mhòir gu h-uile air a thuigsinn. ’S an àite bheannuichte sin tha na h-aingil a nis a chòmhnuidh os cionn sèa mìle bliadhna, a là ’sa dh’ oidhche a’ breithneachadh air oibribh glòrmhor Dhe: fadal no sgìos cha’n aithne dhoibh, neart agus càil an inntinne cha ’n fhàillnich, tha iad a’ sìor mheudachadh ann an eolas, a’ dol air an aghaidh o linn gu linn; uil oibre an Dia mhòir a’ fosgladh a mach ni’s farsuinge rompa, air chor ’s gur soirbh [TD 154] dhuinn a thuigsinn gu bheil eolas àrd mar bhuaidh aig na h-aingil naomh. Cha lugha ’n tomhas anns a’ bheil naomhachd aca. Cha ruigear a leas so a dhearbhadh, an iolach ait a thog iad ’nuair a chruthaicheadh an saoghal—an laoidh bhinn a sheinn iad ’nuair a rugadh an Slanuighear—an gairdeachas caomh a tha nam measg co luath ’sa ni peacach aithreachas, tha so uile a’ soilleireacha dhuinne naomhachd agus àilleachd anama nan aingeal. Tha iad air an ainmeacha nam bithibh lasarach, a’ leige ris duinn an gràdh siorruidh a th’ air fhadadh ’nan uchd, nach mùch ’s nach d’ theid as, ach a tha sior ghabhail le lasair dhealraich an taobh a stigh dhoibh. So an gràdh gun chaochladh a fhreagras dhoibhsan a tha seasamh an làthair Dhe, a tha chòmhnuidh maille ris, a sealbhachadh a chairdeis, ’sa cuir an céill dreuchdan glòrmhor a rioghachd. ’S ann doibh fein a thig an t-òran binn sin a sheinn, ’s naomh thus, O! Thighearna is a Dhe; tha neamh agus talamh làn de d’ ghlòir, O Thighearna nam feart! Mu thimchioll gnàthachadh nan aingeal, agus an obair anns a bheil iad a’ saoithreachadh, faodar a ràdh, gu bheil iad a’ seasamh an làthair Dhe a’ toirt gloir da ainm, ’s ag aoradh dha. ’Nuair a leag e stéigh an domhain, bha na reulta maidne so, ann an toiseach am bith, maille ris; ’s an uair a bha’n obair criochnaichte sheinn iad le chéile agus rinn iad gairdeachas mor. Bha iad a làthair ’nuair a thugadh seachad an lagh air Sinai, lean iad Criosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail so, bha iad leis ann an ioma cruaidh-chas; dh’éirich iad maille ris ’nuair a thug e buaidh air a bhàs, ’sa chaidh e suas do neamh, a’ toirt bruid am braideannas; an deireadh an t-saoghail ’nuair thig e thoirt breith air bheothaibh agus air mharbhaibh, cuiridh e aingil a mach roimhe, a dhùsgadh nam marbh o’n leapuichibh tàmha, agus dealaichidh iad na h-ionracain o na h-aingidh, ceart [TD 155] mar thearbas buachaille na caoraich o na gabhair. Tha Dia ’ga ’n gnàthachadh ann an oibribh a fhreasdail san t-saoghals’, a nuas o’n là sin san d’fhàg ar ceud sinnsir gàradh Edein. Gu h-àraidh tha iad a’ freasdal do mhuinntir dhìleis Dhe. Tha iad mar tha Pòl ag ràdh, nan spiorada frithealaidh air an cur a mach a fhritheala do oighreachaibh a gheallaidh; a’ dìreadh ’s a’ tearnadh o neamh gu talamh, ’so thalamh gu neamh, mar chunnacas le Iacob iad, a’ coilionaidh an dleasnuis mhoir. Agus a nis, nach sòlasach bhi smaointeachadh air na h-ainglibh naomh; tha gach ni tha air a leige ris duinn umpa taitneach, m’as e na h-ainmean a bhuineas doibh tha so fein a’ dùsgadh smaointean àrd. Na spiorada àluinn sin a dh’éirich gu bith fo chumhachd Grian na fireantachd, ann an òg mhaduinn an là shiorruidh, a dh’ éirich, a dh’ fhosgail suas ’s a thainig fo bhlàth fo na gathan neo-chruthaichte, aig bruaich abhuinn na beatha, ’s a dh’ àraicheadh a suas fo dhrùchd na neo-bhàsmhoireachd. Is spiorada iad a tha siubhal gun sgios le cumhachd nach d’fhiosraich airsneul, ’s nach iarr tàmh. Tha’n còmhnuidh ann an neamh nan neamh, a cheud shaoghal, an saoghal is fearr a chruthaichear gu bràth, ionad-còmhnuidh an De bheo, far a’ bheil sìth agus gràdh agus sòlas buan, nach caochail air feadh linnte na bith-bhuantachd. Is iadsan, ma ta, da rìreadh maithibh, armuinn, agus flaithibh an domhain. Ach ’s feumail dhuinn fheòraich ciod anns a bheil maise nan aingeal a’ co’-sheasamh? Tha cheist soirbh r’a freagradh, Tha nan naomhachd; ’se so an tobar o bheil sruthaibh an àilleachd agus an gloir gu h-uile ag éiridh. Tha aingil ann nach’eil naomh, a bha aon uair co àrd dhealrach riusan mu bheil sinn a’ làbhairt, aig an robh ion-buaidhean riusan, agus aig a’ bheil fhathast mòran d’an cumhachd ’s d’an eolas; ach chaill iad an naomhachd; thuit iad o so, [TD 156] ’nuair a dh’éirich iad ann an ceannairc an aghaidh Dhe. Chinn iad suas o’n àm sin nan deamhanaibh, agus ’se ifrinn is àite còmhnuidh dhoibh. ’Se peacadh a dh’fhàg an t-àite sin co dubh dhorcha, cho oillteil agus cho eagallach. ’Se pcacadh a lion e le dòlas, le bròn, agus ea-dòchas. ’Se peacadh a chruthaich ifrinn, a thog balladh a phriosuin dhòinich, a chuir na croinn air na dorsaibh iaruinn, a sgaoil neoil an dorchadais thairis air, a dh’fhadadh an teine nach mùch, a dhùisg na h-osnaichean eagallach, san tath-ghairm malluichte a tha air an aithris ann an ionadaibh na dòrainn, agus air nach d’ theid casg gu suthain no gu siorruidh. ’Se peacadh a rinn na h-aingil sin, a bha aon uair a’ cuairteachadh caithir Dhe, nam breugairean, nan luchd-dìtidh, nan naimhdibh, nan luchd-sgrios agus millidh. Nach iongantach, nach uabhasach an t-atharrachadh! Cia sgreimheil. eagallach an ni a thug so uile mu ’n cuairt? Mothaicheamaid cia mòr an dealachadh a th’eadar na h-aingil naomh agus clann nan daoine. Cha’n’eil e comasach dhuinn smaointeacha mar bu chòir dhuinn orrasan gun bhi air ar n-ireaslachadh nar barail fein. Aingil agus daoine! is uabhasach an t-eadar-dhealuchadh! Iadsan co àrd, co beusach, co sonadh; clann nan daoine co suarrach, co peacach, co truaillidh! ’S math a thig dhuinn a bhi iriosal, gabhamaid nàire ’gar n-ionnsuidh fein as leth ar cealgoireachd, ar n-an-diadhachd, ar n-uaill, ar n-àrdan, agus ar n-amaideachd! Ga h-iosal ar n-inbh san t-saoghal so, gidheadh tha sinn uaibhreach, fein-spéiseil. Ard gad a tha na h-aingil cha’n’eil uabhar annta, a chionn nach ’eil iad peacach, oir is ann o pheacadh a tha àrdan agus uaill. Dlù mar tha na h-aingil air caithir Dhe, cha suarach nam beachd an t-ionracan is isle air talamh, is cha leisg leo fritheala dha; bu bhochd Lasarus truagh, rinn daoine dìmeas air; ach co luath ’sa thilg e’n deo, [TD 157] theiring na h-aingil a dh’iomchar anama do thigh agus do làthaireachd a Dhe. Agus a nis, nach bu bheannuicht an t-atharrachadh a thigeadh air an t-saoghal, na ’n cinneadh daoine cosmhuil ri ainglibh: nan ruigeadh iad air an spiorad, ’s nan leanadh iad an giulan? Cha’n’eil eolas aig na h-aingil air leisg, air cealg, air foill, eud, farmad no mi-run; cha mheall na h-aingil, cha thruaill, ’s cha bhrath iad. Cha chleachda leosan an aimsir a chaitheamh ann am faoineachd gun stà, no ann am baoth-shùgradh; cha dean iad tarcuis air a chéile, cha’n aithne dhoibh co’-strigh no iorghuill, agus sannt cha d’ fhiosraich iad riamh. O nam biodh muinntir an t-saoghail mar so, bhiodh an talamh na shamhladh air neamh; oir ciod anns a bheil an t-eadar-dhealuchadh a’ co’-sheasamh, ach gu bheil fior naomhachd san dara àite, agus peacadh san àit eile? Tha na h-aingil naomha, ach tha sinne peacach; tha’n t-ionad-còmhnuidh acasan, uime sin, sona, subhach: ’s an t-ionad-còmhnuidh againne dubhach brònach. Cia glòrmhor cor nam fìrean air chionn là a bhreitheanais, bithidh iad, deir Criosd, cosmhuil ris na h-aingil, agus dealraichidh iad mar a ghrian ann an rioghachd an Athar; cosmhuil ris na spiorada àillidh eile sin, nam mic agus nan rìghre, ’s nan sagarta do Dhia, a’ co’-riaghladh maille riu gu suthain agus gu siorruidh. Dùisg, O! m’anam, gairm air do Dhia, agus oirpich ann an neart an Spioraid do làn-thaic a chàramh air Criosd, agus ruigheachd air an oighreachd a tha feitheamh air na naoimh ann an rioghachd na gloir. AMEN. [TD 158] 54. Mu dhroch Cuideachd a sheachnadh. SEACHAINN droch cuideachd. Labhrainn na briathra so, agus bheirinn a chomhairle do gach duine ge b’e air bith is aois da; ach tha’n earail so gu h-àraidh feumail dhuibhse a tha òg. Tha sibh aineolach air an t-saoghal, agus ullamh gu bhi air ur tarruing air falbh gu gòrraich agus peacadh. Ma ni sibh companas leis an aingidh fàsaidh sibh co aingidh ris fein. Labhruidh sibh an cainnt, leanaidh sibh an giulan, foghlumaidh sibh am beusan, ni nach faod luath na mall gun ur sonas agus ur cliu san t-saoghal so a mhilleadh; agus fadheoidh sgrios a thoirt air an anam neo-bhasmhor. ’S iomad dearbha muladach a th’againn air a chùis so; agus òg ’s mar tha sibhse ’s dearbh-chinnteach mi gun do mhothaich sibh fein dha so iomad uair. Uime sin, seachnaibh mar am bàs gach companach a tha taisbeineadh dhuibh na chainnt no na ghiulan gu bheil e as eug’ais eagail De. Seachnaibh iadsan a tha tìtheach air mionnachadh, air breugan, co’-strigh, briste sàbaid, na droch cainnt, na aon ni eile tha air a thoirmeasg ann am focal De. Cronaichibh am mearachdan le thoirt orr’ a thuigsinn gun do chaill iad ur cairdeas agus ur meas mar tréigeadh iad an gnàthachadh. Taghaibh ur companaich a àireamh na muinntir a tha deagh-bheusach, a tha gluasad gu stuama, neo-choireach, agus ionraic; a mhuinntir sin is urrainn deagh chomhairl’ a thoirt oirbh, agus a nochdas deagh chaith-beatha dhuibh; iadsan a tha gabhail tlachd ann an àitheanta Dhe, agus a bheir misneach dhuibh gu gluasad air an t-slighe a tha treorachadh gu sìth agus gloir. Cuimhnichibh briathra Dhe, “An ti a shiùbhlas le daoinibh glic, bithidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.” [TD 159] 55. An Seillein. Nach saoithreach gleust an seillein beag, Rè blàs is teas an là, A’ deothal meal’ a’ measg nam bruach, A’ cuachaibh maoth nam blàth. Nach innleachdach a chòinneag chruinn, Le cìribh meala bàn; ’S nach dichiollach an seillein beag, Gan deanamh loma làn; Mar so gu tarbhach dichiollach, Gun saothairicheam maraon; Oir buairidh an t-Abhaisteir gu h-olc, A mhuinntir dhìomhain, fhaoin. A’ fòghlum ceaird no sgoileireachd, Gun caithinn làithean m’ òig’; Gun dthugainn air gach là mar so, Deagh chunntas ait fa’dheoidh. 56. Na sochairean Spioradail a tha na Gaedhil a nis a’ sealbhachadh. CHA’N’EIL e comasach do neach aig a’ bheil gràdh ga dhùthaich smaointeachadh air an atharrachadh bheanuichte a thainig air Gaeltachd agus air Eileana na h-Alba, leis a chothrom a tha nis air a bhuileachadh orra, chum fòghlum feumail fhaotainn, gun a chridhe bhi air a’ lionadh le sòlas. Is fada gu dearbh o shearmonaicheadh soisgeul Chriosd san dùthaich sin. ’S ann a mach a aon de Eileana na Gaeltachd a chraobh-sgaoileadh Soisgeul Chriosd [TD 160] air feadh Bhreatuinn agus iomad cearn eile de’n Roinn Eorpa. Na Cùildich, luchd-leanmhuinn Chalum Chille, a sgaoil o Iona a mach air feadh na tìre, sheas iad gu duineil fad ioma linn an aghaidh dealas Pap na Ròimhe; ach bhuadhaicheadh faidheoidh nan aghaidh. Dh’ fhògradh na Cùildich as an dùthaich; sgaoil aineolas gu luath a mach air feadh na tìre gu fada farsuing. Dhùineadh suas na tobraichean de uisge beo, a bha air am fosgladh. Chinn an droighinn agus an dris far an robh ’n giubhas agus am miortul air a shuidheachadh. Sgaoil ceò an aineolas air na beanntaibh sin air an d’ éirich roimhe sin Grian na fireantachd le leigheas fo a sgiathaibh. Dh’ fhàs an dùthaich gu luath mar fhàsach neo-thordhach gu dubh, tiomhaidh, dorcha. Bha mort agus àr, agus foirneart air feadh na tìre; bha cinn-fheadhna ag éiridh an aghaidh a cheile, cinneach an aghaidh cinnich; agas ni bheil e comasach dhuinn na th’ againn de eachdruidh nan lìnn sin éisdeachd gnn sgreamh agus déistinn. Bha na cinn-fheadhna borb, agus a cheatharna fiadhaich, leis a sin bha cho’-strigh a bh’ eatorra fuileachdach, agus millteach. ’Sioma ni a cho’-aontaich chum a Ghaeltachd a chumail ùine mhòr ann an dorchadas. ’Nuair bha’n Creidimh ath-leasaichte air a shocrachadh san tìr, cha do ghabh uachdarain na rioghachd mòran suim de staid na Gaeltachd. Ghabh iad gan ionnsuidh fein saibhreas na h-eagluis. agus dh’ fhàg iad ministirean an t-soisgeil fo bhochduinn chràitich. Chum gne bheathachaidh a dheanamh suas dhoibh, an àite na thug iad uatha, cho’-cheangil iad ri cheile a dhà, a trì, agus mar thachair ann an Ceann-loch-Chill-a-Chiarain an Earra-ghael, ceithir sgìreachdan, far an robh roimhe sin ceithir eagluisean agus a choilion pears-eagluis a’ saoithreachadh. Agus air feadh na Gaeltachd air fad, tha’n seorsa sgìreachdan a rinn iad co farsuing, co fiadhaich le mon- [TD 161] aidhean mòra, beanntaidh àrda, coilltean dorcha, aibhnichean cas gun drochait, Glinn aimhreidh gun slighe, Eileana fad o cheile le caoil bhuan, linntean salach, sruthan bras cunnartach; gur beag a b’ urrainn aon mhinisteir a dheanamh, ged a bhiodh dealas abstoil aige, agus neart os ceann cuimse, na leithid sin de sgìreachd. Ach os ceann gach aobhar eile ’se cion a Bhiobuill a b’ fhaide bha’n aghaidh nan Gael, cha robh iad aca, ’s gad a bhiodh, cha b’ urra dhoibh an leughadh. Cha’n’eil ach mu thri fichead bliadhn o’n a bha’n Tiomnadh-nuadh air eadar-theangachadh gu Gaelic. Roimhe sin cha robh e comasach dhoibh fhaotuinn, gad a b’ àill leo; is cha’n’eil ach sèa bliadhna fichead o’n a bha leabhraichean an t-Sean-Tiomnaidh gu h-iomlan sa Ghaelic. Feòraich de’n t-seann duine tha gearan nach ann gu math a tha gach caochladh a tha teachd air a Ghaeltachd a’ tionnda; feòraich dheth cia lion sgoil a bha na dhùthaich r’a linn fein: co liutha aon a b’ urrainn focal De a leughadh; agus, ciod na leabhruichean a bha aca r’a leughadh?—éisd ri fhreagradh, agus aidichidh tu gur h-ann air a Ghaeltachd a thainig an t-atharacha sonadh, Ciod bu chonaltradh do na daoin’ a dh’ fhalbh, ri fasgadh ’n tuim, air cùl gaoithe ’s ri aodann gréine, air làithe seachduin agus sàbaid? Ciod, ach aislingean, sgeulachd nam Fiann, amaideachd fhaoin mu thaibhsireachd, m’an dà shealladh, eachdruidh mu chogadh agus mu chreachadh. Cha robh beinn, no dùn, no tulach uaine san dùthaich aig nach robh a shìthiche no a bhan-sìthiche; cha robh gleann dorcha no doire ùdlaidh gun a thanasg fein; cha robh carn no crom-leachd gun ùbhraisg fein aca; cha robh cladh gun uabhas no eas gun a ghlaistig. Bha mar so spiorad bréige no fiosachd, drùigheachd agus buitseachas anns gach sgìreachd. Bha daoine cealgach cuilbheartach a’ teachd beo air an ais-innleachdan malluichte, a’ mealladh dhaoine socharach [TD 162] baoghalta, le’n gisreagan, le’n dearnadaireachd, seun aca, air leo, arson gach cunnart; agus soisgeul, agus eòlas, mar theireadh iad ris, arson gach urchuid agus dosguinn. Agus ciod an gnàthachadh a b’ àbhuist a bhi aig daoinibh sna linne a dh’ fhalbh, an robh coinneamh mhòr gun tuasaid? An robh tòrradh gun mhisg gun cho’-strigh? An robh caithris nam marbh fein gun chleasachd, gun òl, gun cheol, gun dannsadh? Am faodar a nis àicheadh nach dthainig caochla beannuicht air Gaeltachd agus air Innse-gall na h-Alba? Gu truagh, tha mòran amaideachd fhathast a’ dol air aghaidh sna h-ionadaibh sin, agus cò ’n tìr anns nach’eil? ach tha obair a nis a’ dol air a h-aghaidh san dùthaich sin nach faod, le beannachadh Dhe, gun tairbhe éifeachdach a bhi na co’-lorg; mar thuigeas sinn ni ’s soilleire ’nuair a bheachdaicheas sinn air saothair gach cuideachda chàirdeil a tha co’-oibreacha le chéile chum leas coitchionn na Gaeltachd. 57. Craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil. Tha aoibhneas a’ lionadh mo chridh, ’S cha tràghadh do shìth mo chuim. Tha naigheachd ni ’s taitnich san tir, Na chualas ri linn mo chuimhn’: Cha naigheachd air Oisian nam Fiann, No gaisgeach bha riamh am feachd; Cha naigheachd air sealgaireachd fhiadh, No ’giulan am bian gu teach. Cha naigheachd air creachadh na’n Gall, Le ceatharn na’n gleann, ’s nan stūchd; [TD 163] No idir air siubhal nam beann, San éididh nach ceangladh glūn. Cha’n naigheachd air tapa na’n Gael, No treubhantas àrd an lann, A leagadh an naimhdean gu làr, Na sgoltadh an cnàmh, ’s an ceann. Cha naigheachd air fineacha treun, A chogadh ’s nach géilleadh beo: Clann Ghriogair bha aineolach, gleusd, ’S nach tric a bha réidh ri còir; Clann Domhnuill le’m b’ aiteas lamh dhearg; Clann Chamshroin bha calma gun chéill; ’S mar sin ’s gach clann eile b’ fhearr ainm, ’S gach ceannard bu ghairg na chèil. Ach naigheachd air Soisgeul na’n gràs, Bhi sgaoileadh ’s gach àird mu’n cuairt: ’S am Biobull le focal na slaint, Bhi ruigheachd gach àit le buaidh: Toirt caochladh air inntinn an t-sluaigh, ’Ga’n ciùineach mar uain gu sìth; A’ claoidheadh gach àrdan is uaill, ’S a’ cur gach droch bhuaidh fo chìs. 58. Mu ’n Chuideachd a ta chum Eolas Criosduidh a sgaoileadh feadh Gaeltachd agus Eileana na h-Alba. ANN an labhairt mu na sochairibh spioradail a tha na Gael a’ sealbhachadh, bu neo-shuairc an gnothach gun a cheud iomradh a thoirt air a chuideachd ainmeil so. Is mòr a rinn iad, agus is mòr a tha iad a’ deanamh, mar bhitheadh iad, bha earrann mhòr de thìr ar sinnsir, gus an là ’n diugh na fàs- [TD 164] ach fiadhaich; agus is aineolach esan air eachdruidh a dhùthacha nach dùraig o ìochdar a chridhe gun éirich gu math do’n chomunn so, agus gun soirbhicheadh Dia leo, Tha e nis corr is sèa fichead bliadhna o’n a thòisich a Chuideachd chairdeil so. Bheachdaich iad le truas air staid na Gaeltachd, far an gann a bha aon sgoil san àm sin, no idir leabhar gaelic de sheors air bith. Bha ’n sluagh, mar is furasd a thuigsinn, aineolach ann an tomhas mòr, air Dia, agus air an Slanuighear. Mu theagasan àraidh an t-soisgeil bha iad gu mòr ann an aineolas, air an dalladh le saobh-chràbhadh eaglais na Roimhe, as eug’ais na meadhona chum focal De a chluinntinn air a shearmonachadh ach math a dh’ fhaoidte uair san ràidhe. Dhùisg so caomhalachd an deagh Chomunn, mu bheil mi san àm a’ labhairt. Cha robh an saibhreas mòr ’nuair thòisich iad, ach shoirbhich Dia leo, agus cha d’ fhiosraich iad gainne. Thainig gach là am barrachd a stigh d’ an ionnsuidh; thòisich iad le cùig sgoilean, ach mheudaich an àireamh gus a bheil a nis aca tri cheud. Tha e doirbh ann am beag cainnt gach math a rinn a Chuideachd so a chur an céill. Bha mìltean air am fòghlum leo; anns na deich bliadhna fichead fa dheireadh chuir iad a mach as an sgoilibh sèa mìle deug sgoileir foghlumte. Tha da shearmonaiche dheug a mach aca, agus sèa-fir-dheug nan luchd ceasnuchaidh, a’ siubhal o àite gu àite, ann an Garbh-chriocha farsuing na dùthcha sin; agus o’n saothair air fad tha ioma math air a dheanamh, agus mòran anama air an àrach suas fa chomhair na beatha maireannaich. Cha’n’eil sinn an so a’ labhairt mu na tha Chuideachd so a’ deanamh ann Dùthchaibh céin; ach buinidh e dhuinn a chuimhneacha le taing meud na comain fo bheil sinn doibh arson focal De a thoirt duinn ann an cainnt ar Dùthacha. An aon fhocal, cha’n’eil doigh air am b’ urrainn doibh math na Gaeltachd a chur air agh- [TD 165] aidh nach d’ rinn ìad. A mach a sgoilean na Cuideachd so chaidh o àm gu àm daoine, trid an oilean a fhuair iad annta, a lion le urram agus meas àrd dhreuchdan an ioma cearna de ’n t-saoghal. Tha iad fhathast beo luchd-teagaisg dhìleis dhiadhaidh, ceannardan airm, sgoileirean ainmeil, agus luchd-dùthcha stuama mheasail, a tha ’g aideacha, le taing do Dhia, gur ann anns na sgoilean so a fhuair iad a cheud fhoghlum, agus fo bheil iad an comain arson na h-inbh chothromaich a tha iad a nis a’ mealtuinn. Agus tha iad san àm so ann an Neamh na mìltean a tha toirt gloir do Dhia gun robh na sgoilean so air an cur amach r’an linn-san air feadh Gaeltachd agus Eileana na h-Alba. 59. Dàn do’n Chomunn cheudna. CIA cliiteach na cuideachdan còir, Is seirceil, ’s is oirdheirc gnè; Ghabh Freasdal ’na laimh chur air dòigh. A ghnothaich ud ’s bòidhche sgéimh! Taid dùsgadh an t-sluaigh gu bhi fial, Thoirt mhìltean is chiadan seach; Tha ’d caithe gach peighinn le ciall, Chur a Bhìobuill an iar, ’s an ear. Tha ’m freasdal ag obair le buaidh; Le carthannachd ghluais an tìr, Chum cosd air an t-soisgeul chur suas, Anns gach àit a’ bheil sluagh ga dhì. Bi’dh teachdoirean endmhor nach mall, A’ siubhal ’s gach ball gun chlos; A’ nochda do thruaghanaibh dall, Na slighe nach cam gu fois. [TD 166] Gu ma sona do’n cheud chuideachda chaoin, A dh’ ullaich le’n saothair e dhuinn, Anns a chànain d’ an d’ thug sin ar gaol; ’S nach tuigteadh a chaochla leinn. B’ iad Stiùbhardich fineadh an àigh, ’S math choisinn iad gràdh gach linn, A ghnàthaich an ionnsachadh àrd, Ga thionnda gu Gaelic ghrinn. Tha chuideachd ud sìor dhol am meud, Gun laisge d’ an eud, no sgios: Tha’n obair a’ sgaoileadh an cein, Air fad, is air leud gach tìr. Ri! gur iomadai mìl, is deich mìl, D’ an d’ thug iad am Biobull seach; ’Se m’ earbsa nach teirig dhoibh cìs, Fhad ’sa bhitheas e dhi air neach. 60. Cuideachd mhòr a Bhiobuill an Lunnuinn. SHUIDHICHEADH a Chiudeachd mhòr so sa bhliadhna 1804. ’S e’n ni àraidh a bha nam beachd na Scriobtuire naomh a chraobh-sgaoileadh feadh an t-saoghail, ann an cainnt gach dùthcha, am focal fior ghlan fein gun mhìneachadh sam bith; is gniomh so mu ’m b’ eiginn do gach neach a bhi aon-sgeulach. Agus thachair e, mar bu dùgh dhuinn a’ smaointeachadh, gun do cho’ aontaich gach gne Chriosdui’ean, gu b’e caochla barail a bh’ aca mo nithibh eile; an so choinnich iad gun stri ann an cairdeas naomh, mar luchd-leanmhuin an aon Slanuighear, agus déigheil air an leabhar sin, a bha dhoibh fein co prìseil, a chuir a mach do dhaoinibh aig nach robh ’m beannachd ceudna, ’sa bha siubhal [TD 167] ann an dorchadas agus fo sgàil a bhais. Tha saothair a Comuinn so a nis a’ ruigheachd air cearnaibh iomallach an t-saoghail; cha’n’eil rioghachd nach cual’ iomra orra, agus is gann gu bheil cànmhuinn nach ’eil a’ labhairt an cliu. Cha’n’eil baile mòr san rioghachd so air fad, ’s cha ’n e sin a mhàin, cha’n’eil baile mòr ainmeil air feadh an t-saoghail anns nach ’eil cuideachda dhe’n t-seorsa cheudna a nis air a suidheachadh, agus a co’-oibreachadh leo ann an spiorad a ghraidh, agus na seirc. ’S gann a dh’fhaodar àireamh na chuir a chuideachd ann an Lunnuinn, agus gach comunn-còmhnadh eile a tha’n dlù-dhaimh riu, a mach do Bhiobuill o’n a thòisich iad. Eadar an t-Seann-tiomnadh agus an Tioma-Nuadh, chuir iad a mach cùig muilleanaibh gu leth (5,500,000) ann an ceud-gu-leth cànmhuun, ach ’se ’n ni is feumaile dhuinne thoirt fainear gun do chuir iad a mach (mòran diu a nasguidh, agus a chuid bu mhò dhiu air an leth-luach,) leth-cheud mìle Biobull, agus an àireamh cheudna de’n Tiomna-nuadh ann an Gaelic. Faodar a ràdh ann am fìrinn, nach ’eil cainnt air a labhairt air aghaidh an domhain, air a’ bheil eolas againne, nach ’eil focal De air a thionndadh innte, no nach ’eil iad a’ deanamh deas fa chomhair a dheanamh. Is culaidh-iongantais mar dh’ fhàs a chuideachda so, is math tha e air a choimeas ris an neul a chunnaic am fear-faire air sliabh Charmeil, ag éiridh as an fhairge, beag na cheud thoiseach, ach a’ meudachadh uidh air uidh, gus an do chòmhdaich e aghaidh nan speur. Tha solus an t-Soisgeil a’ buadhachadh an aghaidh gach doilghidis, tha dorchadas a’ teicheadh roimhe, tha rioghachdan na h-aird-an-ear, le’n sloigh lionmhor a’ dùsgadh a chur fàilt air. Tha Innsinnich fhiata America, ’s na h-eileanaich is iomallaich air aghaidh a chuain, na Tartaraich luatha, na Rusianaich ghruamach, no Lochlanaich, ’s na Lapanaich, o’n dachaibh reodhta fuaraidh, a’ fàilteachadh beatha [TD 168] an fhocal sin a tha toirt co’-fhurtachd agus sòlas do gach rioghachd agus neach a’ ghabhas ris mar fhocal na slainte. Tha suidheacha na talmhuinn san àm a’ nochda gu bheil Dia ag uimeachadh an t-saoghail fa chomhair na h-aimsir ghlormhor agus shona so, ’nuair a chi criocha iomallach an domhain slainte ar De. Tha gairdein an Tighearn a nis air fhoillseachadh; tha ait sgeul aoibhinn an àigh a’ sìor sgaoileadh, tha eadhon a nis fein, “Am fàsach agus an talamh tartmhor a’ deanamh gairdeachas, bithidh an dìthreamh ait, agus thig i fo bhlàth mar an ròs! Greas a Dhe an là an lion eolas slainteil Chriosd an saoghal mar tha na h-uisgeachan a’ còmhdachadh aigeann na fairge; anns am bi aoradh firinneach air a thairgse dhuitse o èirigh gu dol fodha na grèine. Moladh am pobull thus’ a Dhe: moladh gach pobull thu. Biodh gairdeachas air fineachaibh, gu h-ait a’ seinn do chliu. Oir ceart-bhreth bheir thu air an t-sluagh, riaghlaidh air thalamh iad. Moladh gach pobull thus’, a Dhe: moladh iad thu ’s gach àit. 61. Dàn do Chomunn a Bhiobuill. GU ma mairionn do’n Chuideachd is uaisle, Fhuair urram is buaidh thair chàch; Bhios cruinn ann an Lunnainn an t-sluaigh, ’Nam tighinn m’an cuairt a Mhàigh. [TD 169] Sud cuideachd a dh’éirich ’nar n-airc, Chur Bhiobull am pailteas a nall, Na dhìolas ar bochdan air fad, ’S na lionas gach srath is gach gleann. Cuirear Biobuill am pailteas an clò, An cainntibh nan slògh gu léir; Cainntean coimheach a dh’iomadui seòrs, Mu nach cuala sinn sgleo, no sgeul. Theid an Scriobtur gu grad do’n taobh tuath, Gu Rusianaich ghruamach bhorb; Gu Lochlainnich, ’s Laponaich fhuar, Is Tartaraich luath gun cholg. Ni’n fhirinn iad càllta gun dàil, Is lionar le gràs an crì; Cha mhair iad na’n coigrich air gràdh, No cleachdannaibh blàth na sìth; Oir tréigidh iad buirbeachd an gnè, Is leanaidh iad séimheachd Chriosd; Thig creidimh gan ionnsuidh o neamh, Chuireas mais air am méin gu sìor. Ga farsaing tha Asia mhòr, Ga lionar a slòigh thair meas; Ga h-iomadh an cànain, ’s an dòigh, ’S ga pailt tha gach sògh ’nam measg; Ga daingean ta ceangal an crì, Ri aoradh nan iodhal balbh; Ruigidh ’n sgriobtuir gach cearna d’an tìr, ’S bheir e leis iad le sgrìob air falbh. Daoin odhar is dubh an taobh deas, An Afric fo theas na gréin; Gad bha iad nan tràillibh, ’s na’n creich, Aig muinntir gun seirc, gun chéill, Ni ’m Biobull, ’s an soisgeul iad saor Is bi’dh iad ’nan laoich aig Criosd; [TD 170] Gabhaidh ’n anam r’a fhirinn, ’s r’a ghaol; ’S bheir a Spiorad dhoibh naomhachd fhior. Théid an soisgeul le sholus mar ghrian, A dh’ionnsuidh an iar mu’n cuairt; America, ’s Innseanaich fhiat, Is Eileanaich cian a chuain; Tha ’d aineolach, allaidh gun chiall, Tha ’d buaireasach, fiadhaich, coirbt, Tha ’d diorrasach dioghaltach, dian, Bras, àrdanach, iargalt, borb. Sàr chothrom do Shoisgeul na slaint, ’S do chumhachd na’n gràs aig Criosd; Bheir maitheanas saor dhoibh gun dàil; Is creidimh bhios laidir fìor; A ghlanas an cridhe gun chàird, O’n truailli’eachd ghràineil, bhréin; A cho’-chumas ri Dia iad le gràdh, ’S le naomhachd ’na’n càil, ’s na’n gléus. Bidh gach aidmheil is creidimh ’nan aon, Gun seachran, gun aomadh clì; Thig na Pàpanaich thugainn gu saor, An ceangluichibh gaoil, is sìth. Thig Arabaich, ’s Turcaich le chéil, Is éighear Mahomet a sìos; Thig na h-Iudhaich le durachd ’nan déigh, Thoirt ùmhlachd, is géill do Chriosd. Cha bhi dùthaich no rioghachd fo’n ghréin, No fine, no treubh, no clann, Air nach soillsich an Soisgeul gu réidh, Mun dìbir an fhéill a th’ ann. Nach aoibhinn an obair do dhaoin’, Am Biobull a sgaoileadh ’an céin? Bhi gnàthach’ an dìochaill ’s am maoin, Chur innleachdan gaoil ’an céill. [TD 171] 62. Mu Chuideachd nan Sgoilean Gaedhlach. THA nis còrr is seachd bliadhna deag o shocraicheadh an Comunn so. Mhothaich iad le mor dhuilichinn, gad a rinneadh mòran arson na’n Gael leis gach Cuideachd eile, gun robh anabharra fhathast r’a dheanamh. Gad a bha ’m Biobull air eadar-theangachadh do’n Ghaelic, saor r’a cheannach agus soirbh ri fhaotainn, cha robh mòr sheadh dhoibh ann do bhrìgh nach robh e ’nan comas a leughadh. ’S e ’n ni àraidh a tha comharachadh a mach na cuideachda chairdeil so, agus a chuir na Gael co mòr ’na’n comain, gum b’iad a cheud Chomunn a thug fainear gur i a chainnt a tha daoine labhairt is usa dhoibh fhoghlum; agus thionnsguin iad air na Gael a theagasg a réir na doigh so. ’S an àite tòiseachadh anns na sgoilibh le leabhruichibh beurla, mar a rinn a Chuideachd urramach eile, agus na sgoilean sgìreachd, thòisich iadsan sa cheud dol a mach anns a Ghaelic; agus do thaobh so, an ùine ghoirid thug iad dearbha sòlasach seachad, air a ghliocas cho math ’s air a chaoimhneas leis an do thòisich iad air an obair so. Dh’ionnsuich na Gael, mar dh’fhaoidte smaointeachadh, ann an trian na h-ùine a ghabhadh iad anns an doigh ghnàthaichte. Thuig iad na bha iad a’ leughadh mar bha iad a’ dol air an aghaidh; bha’n inntinn san obair; bha’n eolas air a meudachadh, agus bha iad air an deasachadh san àm cheudna air teachd gu dian air an aghaidh anns an oilean bheurla. Tha gach aon a tha mion-eolach uime so, agus as am faodar earbs’ a chàramh, a dh’ aon-inntinn sa chùis so. Agus bhuineadh do Ghaedhil a thoirt fainear ga nach robh luach-saoithreach a b’airde ’an lorg an doigh theagaisg so, na ruigheachd air a bheurla, ni gan teagamh a tha feumail, gum bu choir dhoibh co’-aontacha leis. Ach cha’n ann idir chum foghlum saoghalta thoirt [TD 172] seachad, a chuireadh a Chuideachds air bonn: ’Se cor spioradail na’n Gaedheal a dhùisg bàigh a Chomuinn. B’e miann, gu h-àraidh, comas a thoirt do dhaoinibh focal De a leughadh anns a chànmhuinn anns an deachaidh an teangaibh an tùs air chòmhradh. Man do thòisich a Chuideachda so, b’ainnimh an ni Biobull fhaotainn ann an tigh air bith sa Ghaeltachd. Is mòr gu dearbh a rinn an Comunn Lunnuinneach chum an sgaoileadh, ach bha iad direach dhoibh mar leabhar glaiste do-thuigsinn; ach a nis anns a bhothan is neo-chuanta tha’n leabhar naomh so ri fhaotainn; agus ma shoirbhicheas Dia leis gach saothair a th’ air a chleachda cha bhi ’n leanabh is bochda san dùthaich gun bhi na urrainn a leughadh. Cha’n’eil na sgoilean Gaelic seasmhach, suidhichte ann an aon àite, mar sgoilean eile; ach o ghleann ga gleann, ’so eilean gu eilean, chum cothrom a thoirt dhoibhsan a bha ana-goireasach air ruigheachd air foghlum air aon doigh eile. ’Nuair a thòisich iad air tùs, bha iad mar thobair bheaga san fhàsach, ach tha iad a nis mar shruthaibh laidir leis a bheil tir nan Gleann ’s nam beann gu pailt air an uisgeachadh. ’S e’n doigh ghluasadach san robh iad a dh’fhàg iad co freagarach do chor na dùthacha, agus bu choir dha so a bhi na aobhar brosnachaidh dhoibhsan a tha sealbhachadh sochairean nan Sgoilean Gaelic: Feum math a dheanamh dhiubh am feadh ’s a tha iad aca. ’Se miann dùrachdach a Comuinn so gun deanadh na Gael còmhnadh ri càch a cheile chum am foghlam a tha iad a’ faighinn uathasan a cho’-roinn ri muinntir eile aig nach ’eil an cothrom ceudna; agus cha b’ìoghnadh gad a dheanadh iadsan sin ’nuair a tha coigrich a’ deanamh na h-urrad air an son fein. Tha aon ni a thachair an lorg nan sgoilean so nach faod gun sòlas a thoirt do’n chridhe cheart; ’se sin an tlachd, cha’n e mhàin aig an òigridh, ach [TD 173] mar an ceudna aig a mhuinntir a thainig gu aois, ann am foghlum na Gaelic, chum cothrom a bhi aca gu focal De a thuigsinn na’n cainnt fein. Chunnacas an sean-athair ’s an t-ogha nan seasamh taobh ri taobh san sgoil—chunnacas an seann saighd’ear air tilleadh fo chreuchdan ga dhùthaich, a’ foghlum as ùr briathra na sìth, iocshlainte gach leon. Chunacas an seoladair leis an aon laimh a dh’fhàgadh aige latha bhlàir, a’ togail an leabhair bheannuichte sin os cionn an t-sruth tre’n robh e dol do’n bhothan bheag a bh’ air an raon chum comas fhaotainn air a leughadh, ann an ciùineachd an leinibh, agus le dùrachd fir gan robh anam mar chùram! Agus an ion duinn so a bhi na ioghnadh oirn? Nach nàr do dhuine a bhi aineolach air cainnt a dhùthcha, ’s an sàr chothrom a th’ aca aig an dorus; cha’n abair mi a bheag san àm mu shnas na gaelic, ceud chànmhuinn ar dùthcha, ’Si labhair Padruig an Innse-fàil nan righ, ’S am fàidh caomh sin Calum naomh ’an I. Ach so a their mi gur nàr agus gar peacach do dhaoinibh a bhi eacomasach air teachdaireachd thròcaireach Dhe dhoibh fein a leughadh, am feadh ’sa tha daoine iochdmhor, ann an caoimhneas nach fhaodar a chur an ceill a’ cur sgoilean far am faod iad ruigheachd orra chum na ceart chrìche so. 63. Dàn do’n Chuideachda cheudna. Bithidh Chuideachd ud eile ’am sgeul, Tha ’m Baile Dhuneidin cruinn, Tha tarruing gach inneal is teud, A dh’ ionnsachadh leughaidh dhuinn; Tha ’d cruinneachadh airgid is òir, O dhaoinibh tha còire, stuam; [TD 174] ’S ga chaitheamh le cùram ro mhòr, Chuir sgoilean gu h-òrdail suas. Los gum faighear le sean, is le h-òg, Deagh theagasg is fòghlum suairc; ’S gun leugh iad na comhairlean còir, Thug Dia dhuinn gu’r seoladh suas; Oir gad a bhiodh Biobuill gu leoir, Aig big, is aig mòir an t-sluaigh; Mar b’aithne dhoibh ’n leughadh air chòir, Cha’n fhaigheadh iad eolas uath. 64. Mu Sgoilean Ard Sheanadh Eagluis na h-Alba. ’S ANNS a bhliadhna 1824, thugadh cor cianail na’n Gael a thaobh easbhuidhean Sgoilean agus meadhonan eolais fo bheachd Ard Sheanadh Eagluis na h-Alba, le caraid co dìleas ’s a dh’ fhosgail a bheul riamh as an leith; agus aig a’ bheil an leas spioradail co mòr na bheachd, ’s gad a bhiodh e air a bhreith nam measg, agus air àrach ann an tìr nam beann o laithibh a leanabais. ’Se ’n Diadhair urramach sin G. H. Baird, D. D., Priomh cheannard Ard Oil-tigh Dhuneidin, agus aon de Mhinisteirin a Bhaile mhoir sin, neach a dh’ ainmichear le bàigh linntean an diaigh so ’nar Dùthaich, a tharruing aire na h-Eagluis agus na Rioghachd a dh’ ionnsuidh staid na’n Gaedhal; agus am feum a bh’ aca air barrachd sgoilean agus meadhonan eolais na chaidh fhathast a ghnàthachadh, gad is mòr agus cliùiteach an t-saothair a ghabh gach Cuideachda chàirdeil fhiachail eile chum math spioradail na Dùthcha sin a chuir air aghaidh. ’Se ’m freasdal fein a chuir ann an cridhe an duinn mhath so an obair a ghabhail os laimh. Bha e air gach doigh ro [TD 175] fhreagarrach chum geath-math na h-Eagluis agus na Rioghachd a bhuannachd. Bha meas aig gach aon air; agus bha aige fein cridhe agus ceann, rùn agus comas gu soirbheachadh le dealas agus gliocas. Bha anam gu mòr san obair, agus uime sin thòisich e, agus thuige so chaidh e air adhart le dùrachd agus togradh, a dh’ fhartluich air doilghiodais a lughadachadh, no saothair a chlaoidh. Chruinnich e eolas mion mu gach cearn’ agus eilean ’sa Ghaeltachd; agus mu gach ana-cothrom fo’n robh muinntir na Dùthcha sin san àm a chaidh seachad a’ luidhe. Thugadh na nithe sin uile fa chomhair an Ard Sheanaidh, leis-san agus le àireamh de Mhinisteirean na Gaeltachd, a thainig air an aghaidh san àm, a dhaighneachadh le’n eolas fein, na chuir esan air a chòdhail sin ’an céill. Chual’ an Eagluis an eachdruidh a thugadh seachad, le ìoghnadh agus truas. Dh’aidicheadh gun robh ’n treud spioradail sa Ghaeltachd air an dearmad leo tuille ’s fada. Bha iad san aon inntinn gun robh e iomchaidh gun dàil, oirp a thoirt air sgoilean agus foghlum, a bharrachd air na bh’ac’, a chur nam measg; agus gum biodh na sgoilean ùra sin, fo ughdarras agus riaghladh na h-Eagluis. Bha so uile dligheach do na Gaedhail, chum ’s nach biodh sliochd nan laoch treun sin, a choisinn doibh fein agus d’an dùthaich, meas agus cliu, ann am buillsgein gach cruadail, anns gach cearna de’n t-Saoghal, anns an do sgaoileadh bratach Bhreatuinn ri crann, air deireadh air Gaill no Sasunnaich, ann am fiosrachadh no ann an eolas, ni’s lugha, na bha iad ann an deagh bheus, agus anns gach gniomh fearail. O’n fhiosrachadh a fhuaras air an àm sin bha e soilleir gun robh mòran sgoilean a dhì air an dùthaich, air tìr-mòr na Gaeltachd, agus gu h-àraidh am measg nan eilean. Bha e gu soilleir air a dheanamh a mach gun robh os cionn deich mìle a dh’ òigridh fo chuig-bliadhna-deug a dh’aois comasach air foghlum a ghabhail, ach [TD 176] aig nach robh an cothrom, a bhàrr air àireamh mhòr a thainig gu h-aois, a bha dian-thogarrach gu urrad fhòghlum fhaotainn ’sa dh’ fhàgadh comasach iad air focal De a leughadh ann an cainnt an dùthcha. Fhuradh a mach gun robh sgìreachdan ann anns nach robh trian de’n t-sluagh comassch air leughadh, agus gan robh focal De na leabhar glaiste. Cha robh e’n comas do mhuinntir na rioghachd so a chluinntinn gun duilichinn m’an chùis. Bha meas mòr san àm sin air na Gaedhil, mar tha dòchas againn, a bhitheas anns gach linn: cha do dhi-chuimhnicheadh an cogadh fhathast, anns an do sheas iadsan ri gualadh an righ gu calma dìleas, ann am iomad latha teith, far nach b’e’n àbhuist a bhi air deireadh; bha ’n cliu ann an eachdruidh gach blàir; agus a nis ’nuair a chuireadh an uireasbhuidh spioradail an céill, thaisbein Albuinn o thaobh gu taobh an deagh rùn doibh, air a mhodh a b’fheumaile. ’S gann a bha Baile mòr no sgìreachd san rioghachd anns nach robh airgiod air a thional chum na sgoilean so a chuir a mach. Shonraich Ard Sheanadh na h-Eagluis a mach buidheann de Mhinistirean agus de Fhoirfich gu riaghladh na cùis a ghabhail os laimh; agus faidheoidh thòisich an obair a bha ann am beachd an duine mhath a dh’ ainmicheadh mar tha, agus e fein air ceann a ghnothaich, shoirbhich gus a so, trid beannachd Dhe, air dhoigh nach faod gun mhòr shòlas a thoirt do gach cridhe ceart. Cha robh ac’ air a cheud bhliadhn’ ach dà sgoil, agus a nis fein air an treas bliadhna, tha aca còrr is leth-cheud, anns a bheil eadar tri agus ceithir mìle air an teagasg! Tha so gu cinnteach na aobhar taingealachd do Dhia. Chuir a bhuidhinn ris an d’earbadh na sgoilean so a cheana os cionn fichead mìle leabhar sgoile, air an ullachadh, mar tha’n t-aon so, gu sonraichte air an son fein; agus cha’n e leabhruichean sgoile arson na h-oigridh a mhàin a tha iad a’ cur a mach; ach chuir [TD 177] iad chean air bonn ann an dà fhichead àite air feadh na Gaeltachd Cruinneacha leabhruichean de iomadai seorsa, an Gaelic ’s am Beurla, air an tagha le faicill agus cùram, gu bhi air an toirt chum an leughaidh do gach teaghlach ann an coimhearsnachd nan sgoilean, o’m faigh na Gaedhil san oidhche gheamhruidh, culaidh fhiosrachaidh agus eolas taitneach an àite bhi suidhe ma’n ghrìosaich, ag innse no ’g éisteachd sgeulachdan faoin; no dol air chéilidh o thigh gu tigh, gun tairbhe no buannachd na lorg. ’S ann mar so a thòisich na sgoilean a tha mach fo ughdarras na h-Eagluis. Eadar a bhuidheann ris a’ bheil iad so an earbsadh ann an Duneidin, agus gach Cuideachda chneasta eile, a tha saoithreachadh arson math na Gaeltachd; cha’n’eil falachd na farmad, ach farpuis a ghràidh ann an obair na trocair. ’Se ’n aon ni tha nam beachd; tha’n urnuigh ri Dia arson soirbheachadh càch a chéile. Tha ’n dùthaich d ’a bheil iad a’ dol a mach farsuing, agus eadar buachaillean Abrahaim agus Lot cha’n’eil cionfath connsachaidh, “Thuirt Abraham ri Lot, Na bitheadh guidheam ort, comhstrì eadar mis agus thusa, agus eadar mo buachaillean agus do buachaillean-sa; oir is bràithre sinn. Nach ’eil an tir uile romhainn.” Am faod sinn sa chunntas aithghearra so a th’ againn air na sochairibh spioradail a tha na Gael a nis a’ sealbhachadh, gun ghairm air ar luchd-dùthcha ionmhuinn, a bhi dìleas doibh fein, agus feum iomchuidh a dheanamh do gach cothrom a tha gu saibhir air a bhuileachadh orra. Bha là ann ’nuair nach robh mòr bhàigh eadar Gaill agus Gaeil, ach dh’ fhalbh an là sin, is bu neo-shuairce na Gaeil mar falbhadh; oir gu cinnteach bu truagh an cor mar b’e na tha daoin’ eile a’ deanamh air an son. O! ’s prìseil soisgeul Chriosd a tha fògradh gach mi-run air falbh, agus a’ sgaoileadh gràdh bràithreil agus sìth air fadh gach tìr! Le dùrachd ar n-anama dh’ asluicheamaid air [TD 178] parandan, ma thig an leabhar so na ’n caramh, iad, os cionn gach ni, a dh’ oirpeachadh foghlum a thoirt d’ an cloinn. Is beag is urrainn Gaeil bhochd fhàgail aca do shaibhreas, ach ma tha eolas math aca, tha so ni ’s luachmhoire dhoibh na crodh na caoraich. Anns na sgoilibh so tha Gaelic agus Beurla ri bhi air an teagasg; tha ’n da chainnt feumail, agus faodar an teagasg san aon àm; ach le ’r n-iomaguin m’ an Bheurl’ ionnsachadh ni a tha ro-iomchuidh, na dearmadaibh a Ghaelic; fhad si ’s beo sibhse, ’s ann innt is fearr a thuigeas sibh focal De; ’Sann leatha ruigeas luchd teagasg ur cridhe, agus ’s ann leatha is fearr a thaomas sibh a mach diomhaireachd ur n-anama aig cathair na’n gràs. Sibhse, òigridh mo ghràidh, aig a bheil an cothrom na deanaibh dearmad air. Thugaibh fainear gur h-i Ghaelic a chainnt is fearr a thuigeas ur n-athair agus ur màthair, ur coimhearsnaich aosda agus ur cairdean; ’Si so cainnt an doill agus a bhacaich, nach faigh gu eagluis agus nach d’ fhuair foghlum. Cia sòlasach dhuibhse am focal naomh a leughadh dhoibh, agus eolas an t-Slanuighear bheannuichte a rùn-phairteacha riusan a tha as eug’ais, a’ dol sios do’n uaigh fa chomhair ur sùl. Aon fhocal eile labhruinn ri òg agus aosda; Guidhibh aig cathair na’n gràs gun soirbhicheadh Dia leis gach comunn a tha saoithreacha san obair bheannaichte so; tha iadsan a’ gnàthacha nam meadhona, ach ’se Dia bheir am fàs—Guidhibh gu dùrachdach ris—is mòr fàth ur dòchais, oir is dìleas esan a thuirt, Gum bi lionmhoireachd nan eilean ait, gun seinn luchd-aiteachaidh na’n creag, agus gum bi’n talamh lan de eolas an Tighearna, mar tha’n t-uisge còmhdachadh aigeann na fairge. [TD 179] 65. Dàn air an t-sealladh thaitneach a tha ’m beachd na ’n Gael. BHA na Gaeil ro-aineolach, dhall, Bha ionnsacha gann nam measg, Bha’n eòlas co tana, ’s co mall, ’S nach b’ aithne dhoibh ’n call a mheas: Cha chreideadh iad buannachd no stà, Bhi’n sgoileireachd àrd da’n cloinn; Gad dh’ fhaodadh iad fhaicinn gach là, Gur i thog o làr na Goill. Ach b’ annsa leo’n airgiod, ’s an òr, A chaithe gu gòrrach truagh, Ri amaideachd, òranaibh, ’s òl, Ri bainnsibh is ri ceol da’n cluais. Cha’n ìognadh ged bha iad gun chàil, Do fhocal na slaint aig Dia: Gad choisinn an nàmhuid an gràdh, ’S gad bha iad toirt da a mhiann. Ach theid aineolas nis as an tìr, ’S gach cleachda neo-dhìreach crom; Is mealaidh sinn sonas, is sìth Gun fharmad no strì n’ ar fonn. Théid sgoilean chur suas anns gach cearn’, Bidh leabhraichean Gaelic pailt; Bidh eolas is diadhachd a’ fàs, Thig gach duine gu stà, ’s gu răth. Nis “togaidh na Gaidheil an ceann, ’S cha bhi iad am fàng ni ’s mò:” Bidh aca àrd fhòghlum na’n Gall, Is tuigse neo-mhall ’na chòir: Theid innleachdan, ’s oibre air bonn, Chuireas saibhreas ’n ar fonn gu pailt; [TD 180] Bidh an dìblidh co laidir ri sonn, ’S am bochd cha bhi lòm le h-airc. Thig na lìnnte gu cinnteach ma’n cuairt, Tha’n Sgriobtuir a’ luaidh thig oirn: San d’ théid Satan a cheangal gu cruaidh, ’S nach meall e an sluagh le sgleò. Bidh firinn, is sìochchaint, is gaol, A’ ceangal chloinn daoin ri chéil; Cha ’n fhaicear fear dona mi-naomh, Théid olc as an t-saogh’l, is beud. 66. Mu Urnuigh. CHA’N ann ann am briathraibh snasmhor, air an taghadh le cùram, air an cur gu riaghailteach an tàdh a chéile—air an labhairt gu stòlda, le fonn cràbhuidh, a tha urnuigh thaitneach a’ co sheasamh, ni mô is ann ann an lùbadh na’n glùn, togail suas nan lamh, no ann an uirigleadh beoil. Faodai iad sin uile a bhith, ’s gun ghne de urnuigh thaitneach a bhi nan lorg. Tha urnuigh a’ co’-sheasamh ann an cuir an céill ar n-iarrtuis, a’ dortadh a mach ar cridheachan, togail suas ar n-anama a dh’ ionnsuidh Dhe, le ’r làn earbsadh, socraichte air toillteannais agus eadar-ghuidhe an Tighearn Iosa Criosd, ar Fear-saoruidh beannuichte. Cha ’n ann an saothair meoghair no meamna tha urnuigh air a deanamh suas, ach ann an saothair dhùrachdach spiorad neo-bhàsmhor an duine, air a dhùsgadh, air a bheothachadh, agus air ùngadh le tionnsgnadh agus cumhachd o neamh. Tha urnuigh air a’ cur an céill mar ag iarruidh Dhe, ag amharc ri Dia, a’ tarruing dlù do Dhia, a’ deanamh greim air a [TD 181] chumhnanta, a’ dòrtadh a mach a chridhe na fhianuis, a’ gul agus a’ caoidh ’na làthair. Ann an urnuigh ’s e’n cridhe an t-aon ni; oir ciod i ùrnuigh ach co’-chomunn diomhair an anama ri Dia, trid Chriosd; agus mar ’eil ar cainnt a’ cur an céill iarrtuis agus imcheist a chridhe, cha’n urnuigh a tha sinn a’ deanamh, cha’n aithrigh e air an ainm. Mar ’eil an cridhe ’san inntinn an sàs, cha’n’eil ann an iobairt na h-urnuigh ach amaideachd fhaoin, fanaid ladurn’ air moralachd an Ti is àirde. ’S fhurasd fhaicinn uaith so gur i sin an urnuigh is taitniche, anns am mugha bheil an cridhe air a tharruing a mach a dh’ ionnsuidh Dhe, air a bhlàthachadh le gràdh agus taingealachd dha; agus air àrdachadh le bhi cuimhneachadh air cionfath a mhisnich a tha aig ann an Criosd gu tighinn le dànaehd naomh chum cathair na’n gràs. Faodar an urnuigh so a dheanamh gun aon fhocal a ghnàthachadh; tha cainnt aig a chridhe a thuigeas Dia, ’nuair nach comasach a lànachd aithris; an uair a dh’ fheumar an gearan bochd a dheanamh ann an osnaichibh le deuraibh goirt. ’S e Dia cuspair an fhior aoraidh; ’s ann dà-san is cubhaidh do gach glùn lùbadh, agus do gach beul aidmheil a dheanamh. ’S esan IEHOBHAH, agus na làthair ’s eiginn do gach neach teachd. Ach an uair a tha sinn ag ràdh gur ann ri Dia a mhàin a tha urnuigh r’a toirt suas, is feumail dhuinn a chuimhneachadh gu bheil tri pearsaidh anns an Diadhachd, an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh, an triùir sin gur aon Dia iad, ionann ann an nàdur, coimeas ann an cumhachd agus an glòir. Tha aoradh agus urram dligheach do gach Pearsa san Trionaid uile-bheannuichte, gun an eadar dhealuchadh ’nar inntinn; ach an cridhe a thogail d’an ionnsuidh mar an t-aon Dia beo fior. ’S gann a ruigear a leas a dhearbhadh gur i urnuigh a dheanamh dleasnas an duine; tha solas [TD 182] nàduir fein a’ teagasg so; tha’n dleasnas so air a dheargadh air clàr cridhe mhic an duine, le meur dhìomhair an Uile-chnmhachdaich, air chor ’s gur doirbh a dhughadh a mach. M’as iad na Cinnich a tha aineolach air an Dia bheo, m’as iad na h-Innseanaich fhiadhaich a tha siubhal gu lom rùisgte tre choilltibh fàs, teichidh iadsan an àm gàbhuidh a dh’ ionnsuidh an diathan bréige. Tha sinn am barail nach deachaidh aon neach riamh tre ’n t-saoghal so, ge b’e air bith co dall an-diadhuidh ’s a bha e, nach do choinnich ni eiginn uair no uair-eigin a thug air urnuigh a chur suas. Ach cha’n’eil sinn air ar fàgail ann an taice ri solus nàduir ann an cùis co cudthromach. Gun tighinn air gach dàimh anns a bheil Dia a seasamh do thaobh dhaoine, a tha leige ris duinn co dleasnach ’s a tha urnuigh, tha so air àithne dhuinn, anns a chainnt is laidire agus is soilleire, ann am focal De. Do thaobh so faodar gu fìrinneach a ràdh gu bheil àithn’ againn air àithne, rann air roinn, beagan an sid agus beagan an so, chums nach biomaid ann an amharus mu thimchioll ni ris a’ bheil ar sonas siorruidh co mòr an earbsa. Bu diomhain a chomharachadh a mach gach earrann sa bheil so air àithne, “Iarraibh,” a deir Criosd, “agus bheirear dhuibh, siribh, agus gheibh sibh; buailibh an dorus, agus fosglar dhuibh e.” “Deanaibh urnuigh,” deir an t-abstol Pol, “’s gach àite, a’ togail suas làmha naomh, gun fheirg gun amharus.” Tha ’n dleasnas so air a sparradh oirn le samhladh nan daoine math, a thug gràdh do Dhia anns gach linn de ’n t-saoghal; bha abstoil Chriosd seasmhach, dùrachdach san dleasnas so; ann an lionmhoireachd an saothair, is meud am fulangais, cha d’ iarr iad riamh leith-sgeul a ghabhail gu dearmad a dheanamh air urnuigh. Bha fios aca, as eug’ais so, gum biodh an saothair gun bhuaidh, agus am fulangas gun bhuannachd. Ach tha samhla Chriosd a’ sparradh an dleasnuis so oirn air an [TD 183] doigh is cudthromaiche. ’S tric a th’àr esan air falbh o ùinich dhaoinibh, agus o othail an t-saoghail, chum sìth agus suaimhneas fhaotainn ann an uaigneas na h-urnuigh. Is iomad oidhch’ a chuir esan seachad a muigh air an t-sliabh ann an diomhaireachd naomh, a’ conaltradh r’a Athair neamhuidh; “dh’ éirich e,” deir Marcus, “’sa mhaduinn fada roi latha; chaidh e mach, dh’ imich e gu àite fàsail, agus ann an sin rinn e urnuigh. Ma ghabhas sinn ris mar ar Tighearn agus ar Maighstir, oirpicheamaid gluasad mar rinn esan, agus urnuigh a dheanamh mar sheol e. Ach ’s bochd cor an duine sin agus is aobhar thruais e gu dearbh, air an imirear urnuigh a sparradh mar a dhleasnas; oir ’si urnuigh an t-sochair is àirde is urrainn do’n Chriosduidh a bhos an so a shealbhachadh; oir is i so a chuibhrionn is àirde ga shonus, do bhrìgh gu bheil i ga tharruing dlù do Dhia, ’s ga chàramh ann an co’-chomunn spioradail maille ris. Is sochair so bha air a ceannach gu daor le fuil Chriosd; is soirbh o sin a thuigsinn cia luachmhor ’s a tha i; oir is i so an saorsa cloinne so, leis a bheil a luchd-leanmhuinn air am fàgail comasach air teachd dlù dha. So sochair a chall na h-anama truagh sin a tha ann an ionad na dòrainn; cha’n’eil comas aca teachd a dh’ ionnsuidh Dhe, ’s a chaoidh cha ’n éisdear r’an gearan bochd. Agus an e gun dean sinne dearmad air an t-sochair is prìseile th’ aguinn an taobh so ’n uaigh. 67. Laoidh na h-Urnuigh. ’SI ùrnuigh iarratas nan naomh, ’Sa bheil an deigh, san tlachd; [TD 184] Fadadh an teine, dhìomhair ghràis Tha lasadh anns an uchd. ’Si ùrnuigh suim an osna bhròin, ’Si ùrnuigh drùchd nan deur, Aomadh na sùl a n àird gu neamh, ’S gun neach ach Dia ’gan leur. ’Si ùrnuigh cainnt an leinibh bhig, An uirighleadh ged ’s maoth, ’Si ùrnuigh chainnt is buadhaire, A ruigeas cathair Dhe. ’Si ùrnuigh anail beath’ nan naomh, Fàile ait an dùcha fein, An deo ma dheireadh ’n glac’ a bhàis, Sgiath an an’ma gu neamh. ’Si ùrnuigh guth an aithreachain, ’Se ’g iompachadh air ais; Is aingle ’g ràdh le gairdeachas, Feuch e ri ùrnuigh ’nis. Na naoimh, an ùrnuigh tha mar aon, An cainnt, an gniomh, ’s an smuain; ’Nuair shealbhaicheas iad le Dia ’sa Mhac Co’-chomunn càirdeil, buan. Cha’n anns an t-saogh’ls tha ùrnuigh mhàin, Ag guidhe tha’n Spiorad Naomh; Is Iosa air ar son gun sgìos Ag asluchadh air neamh. ’S esan an t-iul tha triall gu Dia, A bheatha, san fhirinn fòs, Slighe na h-ùrnuigh dh’fheuch thu fein, O! teagaisg dhuinn i Ios’! [TD 185] 68. Mu’n t-suidheachadh inntinn a tha freagarach do Urnuigh. Is cudthromach an dleasnas agus is luachmhor an t-sochair urnuigh. Is ro iomchuidh uime sin, a thuigsinn an suidheachadh inntinn leis am buineadh dhuinn dlùthacha ri Dia. M’an tog am fear-ciùil am fonn le càch, ’s eiginn gum bi an t-inneal-ciùil ann an deagh ghleus, agus feumaidh an t-anam a bhi ann am fonn iomchuidh fo ghleus spioradail, m’an urrainnear dol mu thimchioll an dleasnais so le tlachd no tairbhe. ’S eiginn a bhi treibh-dhireach ann an urnuigh; is Spiorad Dia, agus ’s eiginn aoradh a thoirt da ann an Spiorad agus ann am firinn. Cha’n’eil ni is fuathaiche le Dia na cealgoireachd. B’ fhiosrach righ Daibhidh air so ’nuair a ghuidh e, “Thoir fa’near mo ghlaodh, agus cluinn m’ urnuigh, oir ann am bheul cha’n’eil breug no gò.” “Rannsaich mo chridhe,” a deir e ann an àit eile, “agus thoir fainear mo smaointean, a dh’fhiach nach ’eil olc air bith air a chleth ann am chridhe.” ’S iomad achmhasan geur a tha Criosd a’ toirt do na Phairisich arson an cealgoireachd, le’n urnuighibh fada gun an cridhe bhi sa chùis. Ma ’s àill leinne gun éisd Dia ruinn ’s eiginn duinn dlùchadh ris le aigneadh an naoidhein, a’ toirt fainear nach labhair am beul ach na th’ann sa chridhe, a’ càramh Dhe fa chomhair an anama, a’ cuimhneacha gu bheil gach ni soilleir da shùil uile-leirsinnich, a’ guidhe arson nan sochairean a tha sinn da rìreadh ag iarruidh, agus ag aslucha saorsadh o na peacaibh is fuathach leinn, agus bu mhiann leinn a thréigsinn. Is cubhaidh dhuinn tarruing dlù do Dhia leis an urram is àirde. “Na bi bras,” a deir an duine glic, “le d’ bheul, agus na luathaicheadh do chridhe gu [TD 186] ni a labhairt an làthair Dhe, oir tha Dia air neamh, agus thus air thalamh, uime sin biodh do bhriathra tearc.” A’ bheil e comasach dhuinn smaointeachadh air gloir an Ti ris a bheil sinn a’ labhairt, gun an t-urram is àirde. Bhuineadh dhuinn oirp a thoirt, trid còmhna gràis, an saoghal a dhruideadh a mach, ar smuainte luaineach a chumail fo smachd, ’sa bhi le eagal urramach mar ann am fianuis De. Na h-aingil naomh a tha cuairteachadh a chathair rioghail, àrd, agus glormhor mar tha iad, ’s ann le fiamh agus urram a tha iad ’gan sleuchda fein na lathair, a’ folach an gnùis le’n sgiathaibh, le mothachadh air a mhòralachd. ’S ann le irisleachd, mar an ceudna, a bhuineas do dhaoinibh dlùthachadh ri Dia. As eug’ais irisleachd cha chomas duinn teachd na làthair. Ciod i urnuigh, ach athchuinge bhochd an anama, iarratas a chridhe leointe, aideachadh a pheacaich aithreachail. ’S eiginn, uime sin, gach àrdan agus uaill a bhi air isleachadh, ma bheil e comasach do dhuine tairbhe fhaotuinn ann an urnuigh, no gairdeachas a dheanamh ann an solus gnùis an Tighearna. “Tha Dia a’ cuir an aghaidh luchd an àrdain, ach bheir e gràs dhoibhsan a tha iriosal;” oir mar so deir an “Ti àrd agus uasal, da’n àite àite còmhnuidh siorruidheachd, da’n ainm an Ti naomh; Anns an ionad àrd agus naomh gabhamsa còmhnuidh: maille ris-san fòs a ta leònta agus iriosal ’na spiorad.” Cuimhnichibh am Phairiseach agus an Cìs-mhaor. Gu ma h-ann leis a Chìs-mhaor a gheibhear sibhse a’ gul, agus ni h-ann mar am Phairisich uaibhreach. Gu ma h-e is cainnt duibhse, A Thighearna, ciod e an duine? dean tròcair orm, O Dhe, ’s mi ’m pheacach ann ad làthair. Dlùthaicheamaid ri Dia ann an urnuigh agus ann an taingealachd. Le mothachadh ceart air maitheas agus caoimhneas a fhreasdail, agus sochairean a ghràis d’ar taobh. Am feadh a ta sinn gar [TD 187] n-irioslachadh fein arson ar peacaidh, na cailleamaid sealladh air aobhar gach sòlais; cha’n’eil sinn air ar gairm gu gul mar mhuinntir aig nach ’eil dòchas. Na crochamaid ar clàrsaichean do ghnà air na craobhaibh seilich, a’ gul agus a’ diùltadh òrain thaingealachd a sheinn; oir ’s cubhaidh an gleusadh chum moladh an Ti is àirde a chur an céill. Is taitneach, tarbhach an ni taingealachd ’nuair is ann o ghràs a tha e sruthadh, ’nuair is e Dia a th’ aige mar chuspair; na ceadaicheamaid air àm sam bith do’n teine naomh tha air fhadadh air an altair bhi air a mhùchadh leis an luaithre a tha ma thimchioll; no dol as le cion brosnuchaidh; bithidh e air a bheothacha le urnuigh, anns a bheil an t-anam a’ cuimhneachadh air sochairibh a choi’-cheangail, agus na nithe mòr a tha Dia ann an Criosd a’ deanamh arson an anama; agus an fheadh a tha sinn mar so a’ seoladh a mach air a chuan mhòr so, maitheas agus tròcair Dhe, aig nach ’eil cladach na crìoch, canamaid ann an taingealachd anama, “Beannuich an Tighearn, O! m’anam, is moladh gach ni tha’n taobh a stigh dhiom t-ainm naomh.” Ann an urnuigh is iomchuidh do dhaoin’ a bhi dùrachdach, gun bhi fuar, trom, no meadh-bhlàth; fo an-tlachd no marbhantachd inntinn, Le m’ uile chridhe fein a Dhe, do iarr mi thu gach là. An uair a ni thu urnuigh, arsa Diadhair àraidh, Gum b’fhearr leat do chridhe bhi gun bhriathra na do bhriathra bhi gun chridhe. Cha ghlic an ni urnuigh mharbh a chuir suas ris an Dia bheo; uime sin theirear gu bheil iobairt nan amadan na gràinealachd le Dia. Mar thuirt aon de Aithriche na h-Eagluis, Cha’n e guth binn, ach guidhe thréin: cha teud ach cridhe ceart; [TD 188] Cha ghlaodh, ach gràdh, ni fuaim gu geur, an cluasaibh Dhe nam feart. Tha dùrachd ann an urnuigh, mar bha’n teine do’n iobairt loisgte, san tùiseir òir, a’ toirt air éiridh gu neamh, agus boltrach ro-chùbhraidh a thoirt seachad. Is cudthromach na nithe a tha sinn ag iarruidh air Dia ann an urnuigh, mar buannaich sinn iad tha sinn caillte gu siorruidh; agus cha’n’eil e comasach dhuinn, ma smaointicheas sinn air so a bhi fuar no saobh-chràbhach; ’Nuair a tha sibh a’ dol a dheanamh urnuigh, a’ deir Baxter diadhuidh, cuiribh ma timchioll mar gum faiceadh sibh Dia na ghloir, neamh agus ifrinn: spiorada nan ionracan agus nan aingidh, agus Iosa Criosd, a’ tagradh ur cùis air deas-laimh an Athair. Aon uair eile, Bithibh seasmhach foighidneach ann an urnuigh, fo dheagh dhòchas, gun d’thig beannachd Dhe oirbh mar chi e fein iomchuidh chum ur leas a chur air aghaidh. Cuimhnichibh a bhan-Sirophenisianach, ga nach d’thug Criosd feart air a ceud athchuinge, gad a fhuair i innse dhi nach robh e ceadaichte aran na cloinne thoirt do na madraidh, gidheadh cha do chaill i a misneach, ach lean i air guidhe ni bu dùrachdaiche, gus an dubhairt Criosd ria, O! bhean is mòr do chreidimh, bitheadh e dhuit mar is àill leat! Na smaointaich gu bheil Dia a’ diùltadh t-urnuigh éisdeachd, ’nuair nach ’eil thu mothachail air a freagradh. ’S ann mar so a tha esan a’ dearbhadh a mhninntir fein, gan deanamh ni’s dùrachdaiche na bha iad riamh, le’n tilleadh air an ais a rìs chum an glùin. Cuir romhad, nach dealaich tha ris gus am beannaich e thu, ag ràdh maille ri Daibhidh, Ri Dia tha mis a’ feitheamh, fòs Tha m’anam feitheamh ris; [TD 189] ’Sna fhocal naomha firinneach Mo dhòchas cuiridh mis. Tha m’anam bochd nis furachair A’ feitheamh Dhe do ghnàth, Na bhios luchd-faire maidne fòs Ri sgarachdain nan tràth. Nis furachair, a’ deiream fòs, ’Ga fheitheamh-san gun ghò, Na bhios luchd-faire anns an oidhch Ri teachd a steach an lò. 69. Còmhnadh an Spioraid ann an Urnuigh. SMAOINTICH leat fein fiath air a chuan, an long a mach air aghaidh na fairge, gun chomas gluasad. Tha gach seol air a sgaoileadh chum an soirbheas fann a ghlacadh, ach bu diomhain an oirp. Tha’n long gun ghluasad, ach mar tha i air a tulgadh a nunn agus a nall le lunn na fairge. Tha na seoladairean ag amharc a mach le fadal arson an t-soirbhis a ghiulaineas iad air an turas: agus theagamh gur ann ’nuair bha iad a’ toirt ceill, agus an uair is mò bha dh’ fheum air, tha iad a’ mothachadh fa dheireadh coslas soirbheas a’ tarruing dlù dhoibh. Tha neoil ag éiridh eadar iad is fàire. Tha caitein dubh air an fhairge a’ teannadh ga’n còir. Tha na siùil a’ tarruing a mach, agus a nis làn gaoithe, ’s an soitheach na làn uidheam a’ gearradh air a h aghaidh gu buadhar chum a chala bha na beachd. Mar so tha e air uairibh a’ tachairt do’n Chriosduidh. Tha feum aige-san air an t-soirbheas o neamh; as eug’ais so cha’n’eil e’n comas da dol air aghaidh na shlighe. [TD 190] Air uairibh, an diaigh dha uile mheadhona na’n gràs a ghnàthachadh tha anam mar bha’n long neo-ghluasadach air a chuan, tha fadal air anam arson àm is buadhaire. Tha shiùil air an sgaoileadh, tha e feitheamh a chothrom, tha e air a rathad, fiuthair aige ri àile fàbharrach o neamh. Tha dàil air a chur an so c’ar tamuill, a leige ris da a laigsinn fein, agus co mòr ’s a tha e ’n earbsa ri còmhnadh an Spioraid, saor-thiodhlaca Dhe. Ach tha e feitheamh gu fòill, is fadheoidh tha ghaoth a’ tighinn, tha gach seòl làn, agus uile cheudfaithean agus chumhachda an anama air an cuir air ghleus. Tha e nis a’ dol gu sunndach air aghaidh air a shlighe, agus tha e air a ghiulan air adhart chum a chaladh a bha na mhiann. As eugais còmhnadh an Spioraid Naoimh, tha Pòl ag innse dhuinn, nach aithne dhuinn a dheanamh mar bu choir dhuinn. Faodai sinn, gu dearbh mothachadh a bhi againn air ar truaighe, gun a meud na a leigheas a thuigsinn, faodai daoine dall fios a bhi aca gu bheil iad air an cuairteachadh le cunnart, ’s a bhi aineolach cionnas a dh’ fhaodas iad a sheachnadh. Cha’n’eil e comasach do dhuine, as eug’ais soilleireachd an Spioraid, truaill’eachd a nàduir gu h-iomlan a thuigsinn, no idir lànachd agus gloir an Fhir-shaoruidh. Ach gad a bhitheadh fiosrachadh againn, cha’n urrainn duinn ruigheachd air an t-suidheachadh a tha feumail ann an urnuigh as eug’ais còmhnadh gràis. Faodai gne na h-h-urnuigh, anns gach doigh eile bhi freagarrach, ’s gun an cridhe bhi mar bu chòir dha; ’s e Dia a mhàin is urrainn so a dheanamh, agus is ann ris-san is cubhaidh dhuinn amharc suas air a shon. Tha’n Spiorad Naomh gu soilleir air a ghealladh do’n Eagluis.—Tha e mar so air a roi’ innseadh, “Dòirtidh mi mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil.” “Agus cuiridh mi mo Spiorad an taobh a stigh dhiot.” Tha’n Spiorad Naomh air a ghealtuinn chum [TD 191] còmhnadh a dheanamh ruinn ’nar n-urnuighibh. Tha’n gealladh sin a’ co’-chorda ri, “Dòirtidh mi air tigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad na’n gràs agus nan athchuingean.” Tha’n t-Abstol a’ cur an céill fein-fhiosracha Chriosdui’ean: “Tha’n Spiorad fein mar an ceudna a’ deanamh còmhnadh le’r n-anmhuinneachd; oir cha’n aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar bu chòir dhuinn; ach tha’n Spiorad fein a’ deanamh eadar-ghuidhe air arson le osnaibh do labhairt.” Tha còmhnadh so an Spiorad ann an urnuigh na shochair mhòr a bhuineas do uile chloinn Dhe. “A chionn gur mic sibh, chuir Dia a mach Spiorad a Mhic fein nar cridheachaibh, ag éigheach, Abba, Athair.” “Fhuair sibh Spiorad na h-uchd-mhacachd, tre’n glaodh sinn, Abba, Athair.” A’ bheil sibh a’ feòraich cionnas a tha’n Spiorad gar còmhnadh? Tha na Scriobtuire gu bitheanta ga ainmeachadh, mar a cuideachadh le’r n-anmhuinneachd, agus a’ deanamh eadar-ghuidhe as ar leth, &c. Tha’n Spiorad Naomh a’ deanamh còmhnadh le’r n-anmhuinneachd—le earrann de’n uallaich leis a’ bheil sinn luchdaichte, a ghabhail air fein, agus cha’n e mhàin gu bheil e deanamh còmhnadh faoin leinn, ach tha e gu h-éifeachdach gar cobhair, le’r n-uallach a ghiulan maille ruinn. Tha cumhachd soillseachaidh agus naomhachaidh an Spioraid ro-chudthromach, leis mar tha iad feumail a dh’ ullachadh ar cridhe fa chomhair co’-chomunn naomh a chumail suas ri Dia, a dh’ iarruidh na nithe sin a chuireas gloir air, agus a bhios feumail d’ar n-anamaibh fein. Tha eadar-ghuidhe an Spioraid Naoimh ag eadar-dhealuchadh o eadar-ghuidhe Chriosd.—’S ann air neamh a tha Criosd ag eadar-ghuidhe aig righ-chàthair no glòire, leis fein, eadar-dhealuichte uainne. ’S ann a tha’n Spiorad Naomh ag eadar- [TD 192] ghuidhe, annainn agus maille r’ar cridheachaibh, aig cathair na’n gràs. ’Se eadar-ghuidhe an Spioraid Naomh toradh agus tairbhe eadar-ghuidhe Chriosd, neach, ’nuair a chaidh e suas do neamh, a thug bruid am braighdeannas, agus a fhuair an t-sochair so, eadhon, do na ceannaircich. Gun amharus tha mòran de obair an Spiorad diomhair. Tha sinn aineolach air iomad ni a tha na thaic. ’S ann a thaobh a thoraidh, ’s cha’n ann a reir a dhòigh oibreachaidh is aithne dhuinn e. Tha ghaoth a séide far an àill leatha, agus tha thusa ga cluinntinn, ach cha’n urra dhuit innse cia as a thainig i, na cia ’n taobh a tha i dol, is amhuil a tha gach neach a ghineadh leis an Spiorad. Tha fhios aig a Chriosduidh gur tric a lùb e a ghlùn gu urnuigh, gu marbhanta, neo-shunndach, gun tuigse; gu inbh bhig, gun déigh air na sochairibh bu chòir dha iarruidh. Agus an diaigh sin uile, ’nuair bha fiuthair aige ri còmhnadh an Spioraid, agus urnuigh a dheanamh mar rinn Daibhidh, “A Thighearna, fosgail mo bhilean, agus cuiridh mo bheul an céill do chliu,” agus le ghnà-bhuanachadh ann an iarruidh, ann an sireadh, agus a’ bualadh, mhothaich e air mhodh co ro-chomharaichte lathaireachd Dhe, ’s a lion e le aoibhneas do-labhairt, agus le dòchas làn glòire. Dh’ fhairich e air uairibh, ’s gun dùil aige ris, an t-ùngadh sin, am meudachadh fiuthair sin, a bha co fada thairis air an ni a mheas e roimhe, an co’-chuideachd ris na tograidh bheothail agus dhian sin a’ miannachadh Dhe, agus naomhachd, agus gloir, a bha co soilleir da inntinn, a comharachadh a mach cumhachd diadhuidh, a tha deanamh eadar-ghuidhe as ar leith. Cha’n’eil e air a chialluchadh gum faod sinn air an àm so, no gur ion duinn fiuthair a bhi againn ri sochairean ro-chomharaichte sin an Spioraid Naoimh, a neartaich na ceud Chriosdui’ean gu urnuigh a dheanamh ann an cainnt air an robh iad aineolach, [TD 193] no a sheol doibh gach focal a ghnàthaicheadh iad. Ach tha’n Spiorad Naomh a’ buileachadh na’n gràsa sin, eadhon, gràdh, eagal, dòchas, agus gairdeachas a bhuineas do’n dleasnas so: a’ brosnuchadh tograidh naomha, a dhùisgeas naomh dhòchais, ’s a dh’ oibricheas mianna naomh annainn: tha iad, tha dearbh-chinnt againn, gu minic ag aomadh ar n-inntinn chum urnuigh a chur suas, ’s a’ deanamh còmhnadh leinn ann an urnuigh, a’ toirt duinn barailean soilleir, deas labhairt, agus dànachd iriosal: agus tha’n còmhnadh so glan shaor o agus fad os cionn, a chòmhnaidh choitchionn sin a tha freasdal De a’ buileachadh air daoinibh am bitheantas, chum gu’n coilion iad gniomharra eugsamhuil na beatha so. Nach sòlasach an ni gu bheil gealla soilleir againn gun d’ thòir ar n-Athair neamhuidh a Spiorad Naomh dhoibhsan a dh’ iarras air e! Cha’n ion duibh, uime sin, eagal a bhi oirbh, ge b’e air bith co neo-shunndach, mharbhanta, no fhionnar ’s a tha ur cridhe, gu cuir mu thimchioll an dleasnais so. Iarraibh, agus faodai làn fhiuthair a bhi agaibh gum faigh sibh, na h-urrad chòmhnaidh o’n Spiorad, a chuidicheas sibh, ’s a bheir air ur n-aghaidh sibh ’nar n-uile airc. Bithibh uime sin curamach ann an leughadh ur Biobuill, ann an teachd chum Chriosd, agus ag asluchadh gu dùrachdach tiodhlacadh a Spioraid. Ma b’ àill leibh an t-saibhireachd de chumhachd so an Spioraid fhaotainn, caithibh ur beatha ann an taice r’ar Slanuighear aig a bheil e r’a phàirteachadh. [TD 194] 70. Naomhachadh an Spioraid. O THIG, a Spioraid nan gràs! Is leasaich ar nàdur claon; Oir ’se do chumhachd-sa mhàin, A ni an nàdur so naomh. Tionndaidh do sholus an oi’che ’San duibhre dorcha gu là; Is ni do theagasg ar seoladh, Gu aoibhneas mòr agus àgh. Seall, mata, air ar cor le truas, Is tog suas ar cridhe ri nèamh; Oir tha e leantuinn gu dlù Ri nithibh nach fiù dhuinn gnè. Ma bheir sinn oirp gu faoin Air òrain nan naomh a sheinn, Mothaichidh sinn ar n-aigne trom, ’S cha’n éirich am fonn sin leinn. ’S am bi sinn mar so gach là, Ann an cor co àmhgharach thruagh; Do rùn-sa dhuinne co blà, Is sinne do ghnà co fuar? O thig a Spioraid nan gràs! Is beothaich ar nàdur marbh: Neartach ar dùrachd ’s ar dìcheall, ’S gu bràth bidh sinn dìleas dearbht’. [TD 196] 71. Mu Bhàs Chriosd. B’ IAD sin briathran ar Slanuigh’ear bheannuichte air àm ro-chomharaichte. Bha cuirm na càisg a’ tarruing dlù, an t-àm a bha fios aige san robh e ri fulang. Thainig an oidhche san robh e ri bhi air a thoirt thairis do lamhaibh a naimhde. Chaith e’n oidhch’ ’an co-chainnt r’a dheisciobuilibh; mar chaomh athair air leabuidh a bhàis, a’ coimeasgadh sòlais ’na chomhairlibh deireannach d’a theaghlach. ’S an uair a chriochnaich e na h-earailean a bha e toirt doibh, thog e suas a shùilean gu neamh, agus thuirt e, Athair! Thainig an uair. Ciod an uair? An uair ris am mò bha de ghnothaichibh cudthromach an earbsa, o theann uairean r’an àireamh, no aimsir ri ruith. An uair a bha ri crioch a chuir air saothair fheumail beatha luachmhoir Mhic Dhe, le bàs bu ro-luachmhoire agus a b’ ainmeile; an uair san robh e ri dioladh a thoirt seachad, trid fhulangais, air son ciont’ a chinne-daoine; an uair san robh fàisneachdan, samhluidhean, agus comharran, a bha air an roi’-innse rè ioma linn, ri bhi air an coilionadh; an uair a bha ri crioch a chuir air an t-sean aidmheil, agus san robh creidimh ùr r’a fhoillseachadh do’n t-saoghal; an uair san robh e ri buaidh a thoirt air an t-saoghal, air a bhàs, agus air ifrinn; an uair san robh e ris an rioghachd spioradail sin a tha ri mairsinn am feasd a chuir suas. Bi so an uair a bha ro-chomharaichte le h-iongantasibh air neamh, agus air talamh. Bha obair nàduir air fad ga co-mhothachadh; agus thug na beothaibh agus na mairbh co’-fhianuis air meud a ghniomh. Reubadh brat-roinn an teampuill na dha bhloidh. Chriothnaich an talamh. Bha dorchadas air an domhan uile. Dh’ fhosgladh na h-uaighean, agus dh’ éirich mòran a bha ’n an codal, agus chaidh iad a steach do’n Bhaile Naomh. Cha b’ iad sin [TD 196] amhàin mòr-iongantais na h-uaire uabhannaich so. Bha na cridheachan bu chruaidhe air am maothachadh, agus air an atharrachadh. Thug am Breitheamh a dhìt e fianuis fhollaiseach air a neo-chiontas. Thug an ceannard-ceud Roimheach, a bha air ceann an airm a bha freiceadan aig àm a bhàis, glòir do Dhia, agus dh’aidich e gun robh easan a bha fulang os cionn bhi na dhuine. ’Nuair a chunnaic e na nithe a thachair, thuirt e, Gu deimhin b’ ionracan an duine so; gu firinneach b’e so Mac Dhe. Labhair am murt-fhear Iudhach a chaidh cheusadh maille ris, ris mar Righ, agus dh’asluich e a dheagh-ghean. Eadhon a mhòr-chuideachd a thainig a mach a dh’ fhaicinn, mar g’ am b’ ann iongantas coitchionn, agus a thòisich ri labhairt ris gu spìdeil, tàireil, phill iad dhathigh, a’ bualadh an uchd. Bi so an uair san d’thug Criosd làn-dìoladh seachad air son peacaidh a chinne-daoine, ’s a choilion e ar saorsadh shiorruidh. Bi sin an uair san robh an iobairt mhòr air a toirt suas, a tha a h-éifeachd a’ drùghadh air ais gu ceud chionta an duine, ’sa ruigheachd air aghaidh gus nach bi ùine ann ni ’s mò; an uair san robh ’n fhuil a’ taosgadh o’n chrann-cheusaidh, mar o àrd àltair, a dh’ ionnlaid air falbh cionta nan cinneach. Gidheadh, tha e làn-shoilleir, gum b’e innleachd so na saorsadh aon de na h-oibribh is ro-ghlormhor a dhealbh an t-Uile-chumhachdach. Ma bha’n uair san do chruthaicheadh an saoghal anabharra ainmeil agus mòr; an uair sin, a ghairm a dorchadas agus mi-riaghailt, an saoghal sgiamhach, maiseach so, air iarrtas an De mhòir; ’n trà sheinn reultan na maidne còmhlath, ’s a rinn uile Mhic Dhe co’-ghàir aoibhneis; cha lugha ’s ainmeile an uair anns deachaidh an saoghal aiseag a ris mar bha e; an uair a chaidh a ghairm o dhìte agus o leir-sgrios, gu sìth agus mòr-shonus. Ma bha e ni bu lugha do mhòr-chùis na cho-chuideachd o’n leth-a muigh, tha e leis [TD 197] a sin ni ’s ro-iongantaich, a chionn fo leithid do choslas sèimh gun d’ thugadh gu crìch gnothaichean co anbharra chudthromach. Anns an uair so bha gach fàisneachd, taisbein, agus sàmhladh, air an co’-lionadh. B’e so an cuspair còmhalachaidh aig an iomlan diubh. Tha sibh a’ faicinn an Lagh agus na Fàidhean nan seasamh, ma dh’fhaodar a ràdh, aig bun a chroinn-cheusaidh, a’ deanamh ùmhlachd. Tha sibh a’ faicinn Maois agus Aaron a’ giulan àirc a cho’-cheangail; Daibhidh agus Eliah a’ taisbeanadh oraicle na fianuis. Tha sibh a’ faicinn gach sagart agus iobairt, gach deas-ghnàth agus òrdugh, gach sàmhladh agus riaghailt creidimh, air co’-chruinneachadh an ceann a chéile chum an co’-lionadh. As eug’ais bàis Chriosd, bhuanaicheadh aoradh agus deas-ghnàtha an Lagha nan òrdugh spleadhach gun seadh. ’Sa cheart uair a chaidh a cheusadh, chaidh ’n leabhar leis na seachd glasan fhosgladh. Nochda bladh gach deas-ghnath; thainig gach fàisneachd gu crich; agus dh’ fhoillsich gach samhladh a bhrigh. 72. Gairm do pheacaich iad a theicheadh chum Chriosd. A léughadoir a bheil e fìor, Na chuir mi cheana sìos am Dhàn? Ma se ’s gu bheil thig ’s lùb do ghlùn Le ùrnuigh ’s aithreachas gun dàil. A dh’ ionnsuidh Iosa teich gu luath, Ag gabhail gràin is fuath do d’ pheac’, Le creideamh fior bheir ùmhlachd dhà, An uile àitheanta naomh a reachd. [TD 198] Gabh ris ’na oifigibh gu lèir, ’S re h-aon diubh na cuir fein do chùl: Mar Fhàidh, mar Shagart, is mar Rìgh, Chum slainte, dìdean, agus iùil. Biodh eiseimpleir am beachd do shùl, Chum d’ uile ghluasachd sdiùr da réir, ’S gach meadhon dh’ orduich e chum slaint, Bi fein gan gnàthachadh gu lèir. As fhìrinteachd dean bun a mhàin; ’S na taic gu bràth re d’ thoiltinneas féin: ’S mas àill leat éifeachd bhi na ghràs, Na h-altrum peacadh dàimh a’ d’ chré. Mar sin ge d’ tha do chionta mòr, Chum gloir do Thighearn saorar thù, Is chum do shonas siorruidh fein, Air feadh gach rè a’ seinn a chliù. 73. Lagh Mhaois air a chriochnachadh le Bàs Chriosd, agus an Soisgeul air tòiseachadh. Bi so an uair san deach an Lagh air chùl, ’s a thainig an Soisgeul am follais; bi so an uair a chuir crioch air sean, agus a thòisich frithealadh ùr, air eolas agus air aoradh diadhuidh air feadh an domhain. Ma ghabhas sinn beachd-shealladh air san t-seadh so, ’s e àm is buadhaire gu mòr tha air aithris ’an eachdruidh a chinne-daoine. ’Nuair bha Criosd a’ fulang air a chrann, tha e air innse dhuinn le aon de na Soisgeulaichibh, gun dubhairt e, Tha tart orm; agus gun do lion iad spòng le fion-geur, ’s gun do chuir iad r’a bheul i. “An diaigh dha am fion- [TD 199] geur a bhlasad, air dha fios a bhi aige gun robh na h-uile nithe a nis air an criochnachadh, agus na scriobtuir air an co’-lionadh, thuirt e, Tha e criochnaichte,” Eoin xix. 28, 29, 30; ’s e sin. Gu’m bi ’n deoch so do fhion-geur a thairgse dha an ni mu dheire, a bha gun cho’-lionadh a rèir fàisneachd an Fhaidhe, Salm lxiv. 21. Tha ’m foillseachadh agus an fhàisneachd a nis air an nasgadh. Tha Lagh Mhaois air a dhruideadh, “Agus chrom e cheann, ’s thug e suas a spiorad.” Air a cheart àm sin, sguir an Lagh, agus thionnsgain an Soisgeul. B’e so an t-àm ro-shonruicht’ a chuir eadar-dhealuchadh eadar an seann agus an saoghal ùr o chéile. Air an darna taobh chi thu ’n Lagh le shagairtibh, le iobairtibh, agus le dheas-ghnàthaibh, a’ dol as an fhradharc; agus air an taobh eile, chi thu’n Soisgeul le shèimh òrduighibh gun mhòr-chùis a’ teachd ’am follais. Bu sheadhar a bha brat-roinn an teampuill air a reubadh san uair so; oir dh’ fhalbh a ghlòir o eadar na cherubims. Liuthair Ard-shagart an Lagha seachad Urim agus a Thumim, uchd-éididh, fhalluing, agus a thùis: agus sheas Criosd suas mar Ard-Shagart Mòr, gach linn a tha ri éiridh suas. Leis an aon iobairt sin a thug e nis suas, chuir e am feasd iobairtean o’r cùl. Na h-altairean air an robh ’n teine a’ dearg lasadh o chionn ioma linn, cha’n fhaicear orra deatach tuille ni ’s mò. Cha robh iobairtean tuille r’an iobradh. “Cha b’ ann le fuil tharbh agus ghabhar, ach tre fhuil fein a chaidh e steach aon uair do’n ionad naomha, chum e fein a nochda ’an làthair Dhe ’an sin as ar leth-ne.” Bi so an uair a cho’-cheangail ri chéil ann an aonachd spioradail uile luchd-aoradh Dhe. ’Nuair thuirt Iosa, Tha e criochnaichte, leag e sios am balladh-dealachaidh a bha co fada eadar na h-Iudhaich agus na Cinnich. Chruinnich e r’a chéile na h-ionracain, as gach cinneach agus as gach sluagh. Thug [TD 200] e gairm fhollaiseach gun d’thainig an uair anns nach biodh eolas air an Dia fhior na b’ fhaide air a chuibhreachadh aig aon sluagh, no aoradh ann an aon teampull; ach air feadh an domhain uile, gun d’ thugadh luchd-aoraidh an Athar seirbhis dha ann an spiorad agus ann am firinn. O’n uair sin thòisich iadsan a bha thàmh “aig criochan iomallach an domhain, a bha aineolach air co’-cheangal a gheallaidh, air an toirt dlù do laimh.” Anns uair sin bha solus an t-soisgeil a’ caomh dhealradh fad as air eileinibh Bhreatuinn. 74. Criosd a’ teachd a thoirt breith air an t-saoghal. Mo smuaintidh talmhuidh Dhe tog suas, ’S mo theanga fuasgail ann am bheul; Do chum gu’n labhrainn mar bu chòir, Mu ghlòir ’s mu uamhunn là Dhe. Air meadhon oidhch’ n’air bhios an saogh’l, Air aomadh thairis ann an suain; Grad dhùisgear suas an Cinneadh Daoin, Le glaodh na trompaid ’s airde fuaim. Air neul ro ard ni fhoillseach fèin, Ard aingeal trèun le trompaid mhòir; Is gairmidh air an t-saogh’l gu léir, Iad a ghrad éiridh chum a mhòid. ’N sin fàsuidh rugha ann san spéur Mar fhàir na maidne ’g éiridh dearg; Ag innseadh gu bheil Iosa fèin, A teachd na dhéidh le la garbh. [TD 201] Grad fhosgladh as a chéil na neòil, Mar dhoras seòmair an ard Rìgh, Is foillsichear am Breitheamh mòr, Le gloir is greadhnachas gun chrìoch. Tha ’m bogha-frois mun cuairt da cheann, ’S mar thuil nan gleann tha fuaim a ghuth; ’S mar dhealaineach tha sealladh shùl, A’ boisgeadh as na neulaibh tiugh. A ghrian ard-lochran nan spéur, Do ghloir a phearsa géillidh grad: An dealradh soillseach thig o ghnùis A solus mùchaidh se air fad. Cuirdh i uimpe culaidh bhròin, ’S bidh ghealach mar gun dòirt or’ fuil, Is crathar cumhachdan nan spéur, A tilg nan rèulta as am bun. Bidh iad air udall ann san speur, Mar mheas air gèig re h-ànradh garbh; Tuiteam mar bhraonaibh dh’ uisge dlù, ’S an glòir mar shùile duine mhairbh. 75. Criosd na Bhàs a’ toirt buaidh air uile Naimhdean a Luchd-leanmhuinn. BI so an uair a thug Criosd buaidh air uile chumhachdaibh an dorchadais, an uair san do thilg e sios uachdranachd, agus righ-chathraichean, san d’thug e bruid am braighdeannas, agus tiodhlacan do dhaoinibh. Bha cho’-strìgh a bha rè ùine mhòr eadar rioghachd an dorchadais agus rioghachd an t-soluis [TD 202] air teachd gu crìch. Thainig an t-’am, ’nuair “bha sliochd na mnatha ri ceann na nathrach a bhruthadh.” Ach ’n uair nochd Iosa e fein air a chrann, thugadh buaidh air an droch spiorad, agus air a rioghachd; Dhealaich a rioghachd air ball ris; chaidh crioch air uachdranachd Iodhal-aoraidh. Chunnacas e ’tuiteam mar dhealanaich o Neamh. Anns an uair sin chriothnaich stéigh teampull nan Ana-creideach. Bha dealbh gach dia-bréige air bhall-chrith air a bhunait. Theich an Sagart le maoim o ionad aoraidh, a bha tuiteam air a cheann; agus chaidh tosd gu siorruidh air oraicle nan Cinneach! Trid fhulangais, mhòr-chliuthaich e amhghair, agus tharruing e sgàil air greadhnachais agus diomhanais na beatha so. Chomharraich e ’mach ga luchd-leanmhuinn an t-slighe tha trèoruchadh, trid triobluid, chum glòir agus buaidh; agus cho’-pairtich e riu an spiorad ceudn’ a neartuich e fein gu buaidh a thoirt. “Cha’n’eil mo rioghachd do’n t-saoghal so. Anns an t-saoghal so bithidh agaibh àmhghar: Ach biodh deagh mhisneach agaibh; thug mise buaidh air an t-saoghal,” Eoin xvi. 33. Anns an uair so, thugadh buaidh air a bhàs mar an ceudna, an nàmhuid ma dheire th’ aig duine. Dh’ fhuirich a choslas uamhunnach a làthair, ach thugadh air falbh a ghath. Oir an uair a thug Criosd làn-dioladh airson ciontai, dhì-armaich e ’m bàs, le aiseirigh nan ionracan a dheanamh cinnteach. ’Nuair thuirt e r’a cho’-fhear-fulaing aithreachail, “An diugh bithidh tu maille riùmsa ann am Phàrras,” chuir e’n céill d’a uile luchd-leanmhuinn dearbh-chinnte air sòlais nèimh. Nochd e gun deach na cherubich o’r cùl, agus gun deach an claidheamh lasrach ’na thruaill, a chaidh òrduchadh aig ceud thuiteam an duine, “ga choimhead o shlighe Craoibh na Beatha,” Gein. iii. 24. Roimh ’n àm so b’fhann an dòchas, agus bu doilleir an sealladh a [TD 203] bh’aig na daoine diadhaidh fein air an rioghachd neamhuidh. Ach “a nis chaidh beatha agus neo-bhàsmhoireachd a thoirt gu solus.” O shliabh Chalbhairi, chaidh cheud sealladh soilleir agus cinnteach a thoirt do’n t-saoghal air na h-ionaid-chòmhnuidh bhith-bhuan. O’n uair sin tha iad nan gnàth-cho’-fhurtachd do na Criosduibh. ’An àm triobluid tha iad a sìochaidh ann inntinn; ’an àm buairidh tha iad a’ cumail suas an subhailc; agus aig uair a bhàis gan neartuchadh gu ràdh, “O Bhàis! c’àit’ a bheil do ghath? O Uaigh! c’àit’ a bheil do bhuaidh?” 76. Criosd a gairm a chuid caorach chnm a dheas-laimh air la a Bhreitheanais. ’N SIN tearbainidh e chum gach taobh, Na caoraich o na gabruibh lom; Ceart mar ni’m buachaille an trèud, ’N uair chuairteachais e spréidh air tom. ’N sin labhruidh e ri luchd a dheis, “Sibhs’ ta deasuicht le mo ghràs, Thigibh, sealbhuichibh an Rìoghachd, Nach faic a sonas crìoch gu bràth. Chum crao’bh na beath’ ta’m phàrais De, Le h-aoibhnas teannaibh steach da còir: ’S a fearta iongantach gu lèir, Dearbhadh ur n-uile chreuchd ’s ur leon. Fuidh dosraich ùrair suidhibh sìos, Nach searg ’s nach crìon am feasd a blàth; [TD 204] ’S mar smeòraichibh a measg nan geug, Chum molaidh glèusaibh binn ur càil. Le maise sàsuichibh bhur sùil, Is oirbh fo sgàil cha drùigh an teas. ’O a duilleach cùraidh òluibh slàint; Is bithibh neo-bhasmhor le ’a meas. Gach uile mheas tha ’m Phàrras De, Ta nis gu lèir neo-thoirmisgt’ dhuibh; Ithibh gun eagal ’o gach géig, A nathair nimh dar téum a chaoidh. Is uile mhiann ur ’n anama feìn, Lan-shàsuichibh gu lèir an Dia, Tobar na firinn, iochd, is gràidh, A mhaireas làn gu cian na ’n cian. Mor-innleachd iongantach na slàint, Sior rannsuichibh air àird ’s air leud, ’S feadh oibriche mo rioghachd mhòir, Bhur n eòlas miannach cuiribh ’meud. Bhur n aoibhneas, mais ur tuigs’, ’s ur gradh Bitheadh gu siorruidh fàs ni ’s mò: ’S ni ’n coinnich sibh aon ni gu bràth, Bheir air bhur n anam cràdh na leòn. Cha’n fhacadh sùil, ’s cho chualadh cluas, Na thaisg mi suas do shonas dhuibh: Imichibh, ’s biodh bhur dearbheachd fein, Sior-innseadh sgeul duibh air a chaoidh.” [TD 205] 77. Criosd na Bhàs a’ cur suas a Rioghachd Spioradail, air nach d’thig crìoch. BI so an uair a chuir ar Tighearna suas a rioghachd spioradail air nach d’ thig crìoch. Cia diomhain comhairlean agus oirpean dhaoine. Cia faoin seoltachd an aingidh! Cia gearr an toilinntinn! Bha naimhdean Chriosd san uair so ’an làn-bharail gun do shoirbhich leo ’na leir-sgrios. Chreid iad gun do agap iad gu tur o chéile, a chuideachd bheag a bha ga leantuinn; agus gun do chuir iad as da ainm agus da chliu gu siorruidh. Mar thàir air, dh’ fhàilltich iad e mar Righ. Sgeudaich iad e le trusgan crò-dhearg, chrùn iad e le coron sgithich; chuir iad cuilc ’na laimh; agus le fanoid sgallaisich, lùb iad an glùn ’na làthair. Bu dall agus mi-dhiadhaidh na daoin iad. Cia beag a bha fios aca gun robh ’n t-Uile-chumhachdach sa cheart àm sin “ga chuir suas mar Righ air tulaich Shioin, a’ toirt da nan Cinneach mar oighreachd, agus criochan iomallach na talmhuinn mar sheilbh.” ’S beag a bha fios aca gun robh na suaicheantais fhanoideach rioghail, a bha iadsan a’ toirt da, anns a cheart àm sin air an daighneachadh dhà mar chomharradh air làn-uachdranachd; agus nan inneil air cumhachd do-cheannsachaidh! A chuilc a chuir iad ’na laimh, dh’ fhàs i na slait iaruinn, leis an robh e r’a naimhdibh a mhion-phronnadh; ’na slait-rioghail leis an robh e ris an t-saoghal a riaghladh ann an ionracas. An crann-ceusaidh, a shaoil leo a bhi na thàir, agus na mhasladh dha, san a bha e dha na shuaicheantas air mòr mheas agus urram. An àit’ a bhi na bhall-maslaidh ga luchd-leanmhuinn, sann a bha e ri bhi dhoibh na uaill agus na mhòr-chliu. Bha’n crann-ceusaidh ri dealradh air Lùth-chuirtibh agus air Eagluisibh feadh an t-Saoghail. Bha e ri bhi na shuaicheantas aig na righribh bu chumhachdaiche; [TD 206] agus ri dealradh air brataichibh an fheachd bu bhuadhaire, an uair a bha guidheachain agus mallachdan ri bhi ’n cuideachda cuimhneachain Heroid, agus Philait; an uair a bhiodh Ierusalem na thòrr luaithre: agus na h-Iudhaich nam fògarraich air feadh t-saoghail. B’ iad sin na buaidhean a thòisich aig an uair so. Chunnaic ar Tighearn iad cheana ’n an ceud-fhàs; chunnaic e saothair anama, agus bha e toilichte. Chunnaic e focal De a’ dol amach, a’ toirt buaidh agus gu buadhachadh: a’ toirt orrasan aig an robh an saoghal fo chìs strìochda da lagh-san; a’ giulain solais do ionadaibh an dorchadais, agus caomh-thlus chàirdeil do ionadaibh còmhnuidh na h-an-iochd. Chunnaic e na Cinnich a’ feitheamh fo’n chrann gus an Soisgeul fhaghail. “Chunnaic e Etiopia agus na h-eileanan a’ sìneadh a mach an làmh ri Dia; am fàsach a’ teanna ri gàirdeachas a dheanamh, agus ri teachd fo bhlàth mar ròs; agus solas an Tighearn a’ lionadh an domhain mar tha na h-uisgeachan a’ comhdachadh na fairge.” Bha e làn-thoilichte ’nuair a thubhairt e, “Tha e criochnaichte.” Mar ghaisgeach thàr e o’n àr-fhaich, a’ dearcadh air a bhuaidh: “Chrom e cheann, agus thug e suas an deo.”—O’n àm sin cha robh Criosd ni b’ fhaide na dhuine bàsmhor, ach na “Cheannard th’ air gach ni do’n Eagluis:” Righ àghmhor dhaoine agus aingle, nach d’thig crioch air uachdranachd. Bithidh a bhuaidh a’ sìor-mheudachadh. “Mairidh ainm gu bith-bhuan; bithidh e co maireannach ris a ghréin, beannuichear gach daoine annsan, agus beannuichidh gach uile chinneach e fein.” [TD 207] 78. Riarachd-inntinn. NI bheil neach o thrioblaid saor, Am measg a chinneadh daonn air fad: ’S co lionmhur osna aig an Righ, Is aig an neach is ìsle staid. Ta smùdan fein os ceann gach fòid, Is doruinn ceangailt’ ris gach maith, Tha ’n ròs a fas air drisibh geur, ’S an taic’ a cheil tha mhil san gath. Ged fhaic thu neach ann saibhreas mòr Na meas a shòlas bhi thair chach: An tobar ’s gloine chi do shùil, Tha ghrùid na iochdar gabhail tàmh. ’S mu chuireas d’ anail e na ghluais, Le tarruing chabhaig suas a’ d’ bheul, Duisgidh ’n ruaghan dearg a nios, ’S le gaineamh lionadh e do dheud. ’S ged fhaic thu neach ann inbhe ard, Tha e mar nead am barr na craoibh: Gach stoirm a bragadh thilgeadh nuas, Is e air luasgadh leis gach gaoith. An neach is fearr tha’n saogh’l a riar, Tha fiaradh eiginn ann na staid, Nach dean a sheoltachd is a stri, Am feast a dhireachadh air fad. Mar bhata fiar an aghaidh chéil, Ata ’o shuidheach’ fein doth-chur; A reir mar dhireas tu a bharr, ’S co-cinnteach ni thu cam a bhun. [TD 208] Ge d’ charn thu òr a d’ shlige suas Fa chomhair fàsuidh ’n luaidh da réir, Is ge do chuir thu innte riogh’chd, A mheidh cha dirich i na deigh. Tha cuibhrinn iomchuidh aig gach neach, ’S e ge d’ tha thu meas gur tuille b’fhearr; Cha d’ thoir an t-annabarra tha’n sud, Am feasd an cudthrom as a chràdh. O iomluain d’ inntinn tha do phian; Ag diùltadh ’n diu na dh’iarr thu ’n de: Cha chomasach an saogh’l do riar, Le d’ anamianna ’n aghaidh chéil. Na ’m faigheadh toil na feol a rùn, Da mianna bruideil dhiarradh sàth; Flaitheas a’ b’ aird cha’n iarradh i, Na innte sud bhi siorruidh snàmh. Ach ge d’ a b’ ionmhuinn leis an fheòil, Air talamh còmhnuchadh gach re: Bhiodh dùrachd t’ ardain agus t’ uaill, Co arda shuas ri Cathair Dhe. Ach nam b’ aill leat sonas buan, Do shlighe tabhair suas do Dhia, Le dùrachd, creideamh, agus gràdh, Is sàsuichidh e t-uile mhiann. 79. Mu eadar-ghuidhe Chriosd. CHUNNAIC sibh a nis mar tha’n Spiorad Naomh gar còmhnadh ann an urnuigh; ’s ann a tha a [TD 209] chòmhna-san, agus gabhail gu taitneach r’ar n-urnuighean, a mhàin trid eadar-ghuidhe Chriosd. Eadar-ghuidhe Chriosd, na ghuidhe dùrachdach ri Dia as leth na h-aitim arson a bheil e ri ùrnuigh: Chum gur fearr a thuigear so; thugaibh fainear an dreuchd a th’ aige mar ar n-àrd-Shagart.—Bha aig Ard-Shagart nan Iudhach ri tùis a losgadh san ionad naomh air maduinn agus feasgar, fad na bliadhna. Agus bha e aon uair sa bhliadhna ri e fein a thaisbeineadh, na aonar, san ionad bu ro-naomha, chum fuil a chrathadh air, agus fa chomhair, ionad na tròcair; chum réite dheanamh air a shon fein, arson a theaghlaich, agus arson uile choithional Israeil. Tha’n t-Abstol a’ nochda dhuinn gun robh so na shamhladh air Iosa Criosd, “nach deachaidh a steach do na h-ionadaibh naomha làmh dheanta, nithe a ta nan samhlachas air an fhior ionad; ach do neamh fein, chum a nis e fein a nochdadh ann am fianuis De air ar soinne.” Thugaibh mar an ceudna fainear a Shaorsadh.—Bha’n duine fad as o Dhia, agus ciontach, fo bhinne na breith sin, an t-anam a pheacaicheas, bàsaichidh e. Cionnas a bha tròcair Dhe ri bhi air a taisbeineadh, agus a cheartas a bhi gun tàmailte? Tre bhàs Iosa Criosd Mac Dhe, tha cheartas sàsaichte, agus a nis air crann a pheacaich, ionnas gum faod a throcair sruthadh chum pheacach ann an tuiltibh mòr gun chasgadh. ’S ann an so, agus an so amhain, a tha fior stéigh ar misnich gu teachd le dànachd chum De Naomha. Thugaibh fainear suidheachadh an Eadar-ghuidh’ear. Tha e aig deas-laimh Dhe. Faodaidh sinn o sin a thuigsinn, a chumhachd, urram, a naomhachd, am meas a th’ aig Dia air, agus gu bheil e do ghnà air neamh as ar leith-ne. Tha gach cumhachd air neamh agus talamh air a thoirt da. Nach ea-céillidh gnàthachadh na muinntir sin aig a bheil a shamhuil [TD 210] sin de Eadar-ghuidh’ear, a dh’ earbas an cùis ri creutair air bith, naomh, no aingeal. Thugaibh a Chliu fainear.—“Cha’n’eil àrd-shagart againn nach ’eil comasach air co’-fhulangas a bhi aige r’ar n-anmhuinneachdaibh; ach a bhuaireadh sna h-uile-nithibh air an dòigh cheudna riunne, ach as eug’ais peacaidh.” Is aon e is urrainn truas a ghabhail do’n aineolach, agus dhoibhsan a tha as an t-slighe. Air dhuinn, ma ta fhaicinn gu bheil againn Ard Shagart a tha co mòr agus co iochdmhor, a chaidh do neamh, Iosa Mac Dhe,—“Thigeamaid le dànachd gu righ-chaithir na’n gràs, chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs chum cobhair ann an àm feuma.” Tha Iosa Criosd ag eadar-ghuidhe as ar leth le e fein a nochdadh an làthair Dhe.—Tha e nis air neamh fein ga nochdadh am fianuis De air ar son. An duine, an déigh dha aon iobairt a thoirt suas arson peacaidh, shuidh e a chaoidh tuille air deas làimh Dhe. Tre fhuil fein chaidh e steach aon uair do’n ionad naomh. Tha éifeachd, toilleannas agus cumhachd na fola sin a’ sior bhuanachadh. Nach cinnteach, mata, a dh’ fhaodas sinn a bhith gum faigh e na dh’ iarras e, ’nuair a thagras e gun deachaidh e gu bàs chum fhaotainn. Tha mar an ceudna Iosa Criosd a’ tairgse suas ar n-urnuighean. B’e dreuchd Sagart nan Iudhach urnuighean chloinn Israeil a thaisbeanadh am fianuis Dhe, ’s an àm san do loisg iad tùis an làthair an Tighearn air an altair. Agus air an dòigh so tha ar n-Ard-Shagart-ne a’ fagail air n-osnaich lag agus neo-iomlan buadhar agus éifeachdach trid eadar-ghuidhe fein. Thug e làn-chinnte dhuinn, Ge b’e nithe a dh’ iarras sibh air an Athair ann am ainmse gun toir e dhuibh iad: iarraibh, agus gheibh sibh, chum gum bi ur n-aoibhneas làn. Is taitneach an ni a thoirt a thuille fainear, gu bheil eadar-ghuidhe ar Tighearna gu h-iomlan as ar [TD 211] leith-ne. Tha e air a ràdh mun fhaidh Elisa, gun d’ rinn Elias eadar-ghuidhe ri Dia an aghaidh chloinn Israeil. Bha e, mar tha diadhair àraidh ag ràdh, “na fhàidh cruaidh, agus gun deachaidh obair gheur-theann a thoirt da r’a dheanamh: ach cha’n’eil ar n-Ard-Shagart-ne a’ deanamh eadar-ghuidhe an aghaidh Israel fein, ach gu h-iomlan air ar son.” Anns an t-samhladh air na tha e deanamh (Eoin xvii.) faodai sinn fhaicinn nach’eil e ’g ainmeachadh aon choire na dheisgiblibh, ach gu bheil e a’ taghadh gach ni a bha taitneach na’n giulan, agus an sin a’ tagradh an cùis. Leis a so faiceamaid a ghràdh; cuireamaid ar làn earbs’ ann. Is gniomh sior-bhuan tròcair eadar-ghuidhe Chriosd. Cha’n fhàillnich a ghràs no a ghràdh am feasd. Tha e air a ràdh, Gu bheil e sior-bheo a dheanamh eadar-ghuidhe. Tha e san àm so ag asluchadh as leth Eagluis, mar rinn e am feadh a bha e san fheoil. Is eadar-ghuidhe e mar an ceudna as leth pheacach.—Chaidh a roi’-innse uime, Gun do ghiulain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar-ghuidhe ar son na’n ciontach. ’Nuair a thug iad beum dha, is a chàin iad e, agus a thàirnich iad e ris a chrann mhalluichte, tha e sior ghuidhe, Athair, thoir dhoibh maitheanas. Agus tha ghuidhe sonraichte arson a shluaigh, a dh’ fhaodas mòr mhisneach a thoirt do na h-ionracain. Uaith sin tha ar Tighearn ag ràdh, Cha’n’eil mi ’guidhe arson an t-saoghail, ach arson na muinntir sin a thug thu dhomh, oir is leatsa iad. Bu chòir eadar-ghuidhe Chriosd a thoirt fainear roi urnuigh mar ar n-aon stéigh-dòchais gu dlùthacha ri Dia. Na h-earbaibh air an dara laimh ri aon ullachadh a rinn sibh, no a aon rùin a chuir sibh romhaibh, agus air an laimh eile, ge b’e air bith peacaidh gan robh sibh ciontach, no ar n-aingidheachd an-tromaichte, no mothachadh air ur peac- [TD 212] aidh san àm, no co leisg ’sa tha sibh air teachd a dh’ ionnsuidh Dhe, thugaibh do ghnà oirp air teachd gu suilbhearra, air dhuibh bhi fiosrach gu bheil fear-tagraidh agaibh maille ris an Athair, eadhon, Criosd am firean, agus is esan an ìobairt-réitich arson ar peacanna. An àm na h-urnuigh, le creidimh a ghnàthachadh, ga b’e co lag ’so bhios e, biodh dòchas agad gum faigh thu as a lànachd-san, gràs, freagarach do d’ fheum. Ga b’e meud an ni a dh’ iarras tu, ga b’e co liugha ni annad fein a dh’ fhaodas mi-mhisneach a thoirt duit; tha deagh steigh agad gu chreidsinn gu’n gabhar gu taitneach ri d’ ùrnuigh tre ainm agus eadar-mheadhonaireachd Iosa Criosd. Tha eadar-ghuidhe àghmhor a’ buanacha gun chaochladh. Deanadh do chreidimh a toilltinneas Chriosd t-inntinn a chiùineachadh, agus a neartachadh, chum gach athchuinge a chuireas tu suas fhàgail gu muinghinneach na laimh.—An déigh dhuit urnuigh a dheanamh: Ge b’e casaid a chuireas do choguis ort, a iomad smuain sheachranaich, neo-iomlaineachd, agus buaireis, no am mi-fheum a rinneadh de fhreagraidh ur urnuighean roimhe so, a mhain tagair gun gabhar riut le taitneachd air an stéigh so. ’Se Criosd t-Eadar-mheadhonair; ’s ann trid Chriosd a tha fiuthair agad gu’n gabhar gu taitneach ri d’ urnuigh. 80. Laoidh, mu earbs’ a Criosd. M’ ANAM imich thusa sàmhach, fo gach àmhghar agus leatrom, ’Se do thruailleachd a thaobh nàduir, aobhar t-ànraidh, mar mo bheachdsa. [TD 213] Greas is amharc cia mar tha thu, seall le nàire ri d’ chleachdadh; ’S faic an sachd tha air do ghuaillnibh, le do ghluasad bhi gun fhaicill. O’n a rugadh ann ad thràill thu, thaobh do phàirtidh sa cheud seachran; Iomchair foighidneach gach dòruinn; ’s biodh do bhròn arson do pheacaidh. Tha do thoil an déis a truailleadh, rag ri gluasad chum do leasa; Dh’ easbhuidh cumhachd a bheir buaidh orr’ gheibh thu ’m bàs is duais do’n pheacadh. Seall a nise ciod a ni thu, ’s teich le dìchioll dh’ ionnsuidh taice; Fàg do chudthrom air do Ràthan,* tha e ghnà co math r’a fhocall. Thig le ireaslachd is dòchas, dh’ iarruidh còmhnadh o’n Aon bheartach; Creid air tùs gu bheil e maoineach, ’s iarr do dhaonnachd réir a phailteis. Thig le d’ dhoille, ciont’, is daorsa, fàg na aonar air-san ’n leatrom; Dh’ iarruidh teagasg, riaghladh, ’s saoradh; tha iad Annsan ri’n toirt seachad. Seall le muinghinn an àirde, chum nam beann d’a bheil do thaitneachd; ’Nuair is triobluidich a chual duit, amhairc suas ri Triath nam feartan. Càraich t-eallach air a Ghuaillnibh; oir ’s ann uaithe thig do neartsa: * Urras. [TD 214] ’S ge nach beachdaich thus’ a ghluasad, creid gu luath gu bheil e’m faisg ort. ’S feith gu foighidneach r’a thìomsan, ’s imich direach réir a reachda; Ruith do réis le fair’ is dìchioll, ’s ann le strìgh a ni thu streapadh. ’Nuair bhios fiaradh ann ad chrannchur, creid gun tionndaidh e gu d’ thaitneadh. Bheir seillein math o lusaibh searbha, mil bhios tarbhach, brìgh’ar, blasda. Ged bhiodh ’m Freasdal dhuit air uairibh, tuille ’s cruaidh a réir do bheachdsa; Tuig gur gliocas thug m’an cuairt e. ’s gheibh thu buannachd as, am pailteas. Bi thusa furachair m’a àitheantaibh; o staid nàduir teich na thaic-se: ’S glac a ghealladh làn de shìochadh, ann an Criosd a dhìol a cheartais. Air do thuras do Chanaan, ged robh ’m fàsach làn de chrosadh, ’S iomad bruthadh air do shàiltibh, leans a ghnà ri lorg a Ghaisgich. Thug e buaidh os ceann do naimhde, is bheir e gràs ’an àm na h-airce. Ruidh da ionnsuidh le fein-àicheadh, ’s dearbh nach fàillnich do Chùl-taice. [TD 215] 81. Mun Chuan. CIA oirdheirc àillidh, agus air uairibh cia uabhasach ri amharc air an cuan mòr! Co dhiubh a bheachdaicheas sinn air ’nuair a tha e fo bhruaillein air at le doinionn a gheamhraidh, na marcaichean sìanta mach nan uil’ uabhas, a sguaba na fairge le cathadh mara tha ’g éiridh chum nan neul; no ma bheachdaicheas sinn air ann am fiath nan eun ann am feasgar ciùin samhruidh, ’nuair nach ’eil deo a’ séideadh, is gach gaoth nan suain, cha’n’eil e comasach smaointeachadh air ni is cumhachdaiche chum am mothachadh is àirde thoirt duinn, air cumhachd, agus mòralachd an Ti sin a chruthaich an Cuan,—a tha dol amach air a thonnaibh uaibhreach, ’s is urrainn a ràdh riu, an fhad so théid sibh, ’s cha d’ théid ni’s faide. Cha’n’eil aon ni eile a dh’fhaodar a choimeas ris a Chuan mhòr, a tha le uisgeachan a’ ruigheachd air cearnaibh iomallach an t-saoghails’, ’s ga chuairteachadh o thaobh gu taobh. Tha thri urrad de’n t-saoghal so fo’n fhairge ’sa tha fo thìr-mòr. Cha’n urrainnear doimhneachd a chuain fhaotainn gu h-iomlan a mach. ’Se da-cheud-deug aitheamh an doimhneachd is mò air an d’rainig daoine, gad a tha iad a’ barulachadh gu bheil e cuig no sea mìle an iomad àite. Fhad sa fhuaradh a mach e, tha aigean na fairge, cosmhuil ri tìr-mòr, le bheanntaibh, le ghlinn, le chreagan corrach agus uadhan dorcha. Tha tobraichean fior-uisg, agus uillt is aibhnichean, ag éiridh sa chuan an iomad àite. ’Se ni is iongantaich a th’ann an salann, a tha cumail an uisge do ghna fallain; agus ga fhàgail ni ’s truime, agus uaithe sin tha e ni ’s usa do gach ni snàmh air uachdar, seach air an fhìor-uisge. Anns na h-uile punnd sàile tha dà ùnsa shalainn. Tha gach abhuinn air an t-saoghal a’ sruthadh a stigh do’n chuan, agus a’ tarruing leo [TD 216] anabas gach baile mhoir, ’s gach ni a dhùisgeadh euslainte no tinneis, agus e sìoladh gu ìochdar a Chuain. Chum uisgeachan a chuain a chumail air ghluasad, tha sruthan air an òrduchadh le Dia, trid a’ bheil an Cuan a’ tràghadh ’s a’ lionadh dà uair anns na ceithir uaire fichead. Cha’n’eil teagamh nach e cumhachd dlù-thàirneach na Gealaich am meadhon tre bheil na srutha feumail so air an toirt m’an cuairt. Tha sruth reothairt ann ri mùghadh agus àirde na gealaich, agus còntraigh eadar an dà àm sin. Tha aobhar taing aig an t-saoghal gu bheil iad mar so air an riaghladh agus fo smachd. Anns a Chuan tha saoghal ùr làn iongantais againn, anns a’ bheil anabharra de bheo chreutairean nach urrainnear àireamh; agus cuid diubh co mòr, ’s nach’eil air tir-mòr na dh’fhaodar a choimeas riu. Tha cuid de mhuca mara a tha ceud troigh air fad, agus theirear gum mair iad beo còrr is ceud bliadhna: Agus ma chreidear daoine teisteil, gu bheil beathaichean eile ann is mò gu mòr na iad sin. Cha bu leabhar beag a chumadh ainm, coslas, agus àireamh na tha aithnichte dhiubh, a bhàrr air creutairean ùra tha iad a’ faotainn a mach o àm gu h-am. Cia glormhor cumhachd agus gliocas an Dia sin a chruthaich an cuan is na bheil ann. Is mòr am feum a tha’n Cuan a’ deanamh do’n t-saoghal, mar bhitheadh e cha bhiodh uisg againn, na uillt na aibhnichean, no taisealdachd no drùchd, no fiunnachd. ’S ann o’n fhairge tha gach drùchd uisg ag éiridh, air a dheothal suas do na neoil le teas na gréine, ’s a braonadh a rìs air ais air an talamh. Nam biodh an Cuan ni bu lugha na tha e, b’eiginn gum biodh barrachd mòr de’n t-saoghal na fhàsach aimrid gun fhàs gun chinneas. ’S ann trid farsuingeachd a Chuain a tha rioghachdan iomallach an domhain a cumail suas eolas agus malairt ri chéile. Leis a Chuan tha sinn a’ dol ni ’s faide na b’urrainn do’n eun is laidire sgiath dol air iteig. Tha sinn a’ faigh- [TD 217] inn eolais air na h-Innseanaich a tha ga’n crion-losgadh fo dhian-theas na gréine, agus air na Laplanaich a tha gam meileachadh le fuachd, gun a h-aogas àghmhor fhaicinn leth na bliadhna. ’S ann trid a Chuain a tha malairt a’ dol air aghaidh eadar rioghachdan, leis a bheil bathar an darna dùthcha teachd do’n dùthaich eile. Mar so tha sinn air ar n-éididh san t-samhradh le sìoda agus rìomhadh na h-àirde deas; agus air ar cluthachadh gu blàth sa gheamhradh le béin mholach na h-àirde tuath. Mar so tha saibhreas nan Innsean a’ ruigheachd ar dùthcha, agus tha ar luingeas a’ seoladh le’r bathar do dhùthaichibh agus eileanaibh céin; agus slighe mar so air fhosgladh gu Soisgeul ar-Slanuighear a chraobh-sgaoileadh, air feadh gach rioghachd agus anns gach cànmhuin. An aon fhocal, ’s ea-comasach gach sochair ainmeachadh a tha ’g éiridh o’n Chuan mhòr so. Nan tòisicheamaid ri iomradh air na tha de theachdan-tir dhaoine a’ teachd as, agus an t-anabarra sluaigh a tha faighinn cosnadh air uachdar, cha b’fhios dhuinn c’àit an stadamaid. 82. An Cuan ùmhal do Dhia. O! THUSA chruthaich an cuan, ’sa luaisgeas a thonna trom; ’S tu chaisgeas an onfhadh rìs, ’s a ni iad ciùin mar am fonn. Mar so, anns an doimhne mhoir, chìtear de ghloir, a Dhe: Luchd siubhail a chuain cia baoth, mur d’thoir iad dhuit aoradh, ’s géill! [TD 218] Cia tric a shìn thu do làmh. ’s a thug thu a’ gàbha cruaidh, Dream nach toir urram no géill, ’n trà chi iad am fè m’an cuairt. Seadh ga d’ a ghlacas an doinionn cuid diu’ ’na tonnaibh bàithte, Tha fàis na mhaireas gun chiall, gun urram do Thriath na slainte. O Dhia! thug mis as gach gàbhadh, bheir mi gràdh dhuit fad mo rē; ’S am bàs, ’n tra tha e’n dàn domh, ceangluidh mi gu bràth riut fein. 83. Mu Reull-iùil na h-àirde-tuath. THA’N reull so furasd a chomharachadh, a thaobh nach ’eil i ’g atharrachadh a h-àit anns an speur ach ro-bheag. Leis mar tha do i ghnà ri faicinn goirid o’n aon àite, tha i na reull-iùil do’n mharaiche, gu h-àraidh a mach air a Chuan. Man d’fhuaradh a chòmbaist a mach, cha robh riaghailt stiùraidh a b’ fhearr aig a mharaiche n’an reull so, agus eadhon san àm so, ’nuair a tha na speuran soilleir, faodaidh iad ann an iomad àite barrachd earbs’ a dheanamh aisde na a tarrang-art na combaiste. Tha so gu nàdurra gar tarruing gu smaointeachadh air maitheas De, a tha mar so le suidheachadh agus gluasad nan reull, a’ toirt fiosrachadh do dhaoinibh air amannaibh agus air ionadaibh. Esan a tha eolach air gluasad nan reull, innsidh e ann an dùthaich anns nach robh e riamh roimhe, a cheart àit anns a bheil e. Is aithne dha am mios, an latha agus an t-àm [TD 219] de’n latha, co cinnteach ’s gad a bhiodh an t-uaireadair a b’ fhearr aige. Is furasda so a thuigsinn ma bheachdaicheas sinn gu bheil na reultan a’ tighinn na h-uile h-oidhche ceithir mionaidean ni ’s luaithe chum an àite san d-thainig iad an raoir; agus uaithe sin gu bheil iad a’ teachd da uair an uaireadoir an comhair a mhìos ni ’s tràithe. Mar so an rionnag a tha sinn a’ faicinn an nochd aig deich uairean, ma sheasas sinn san àite cheudna mìos o’n nochd chi sinn a cheart reull sa cheart àite sin aig ochd uairean; agus an rionnag a tha air a mheadhon oidhch’ an nochd calg dhireach os cionn do chinn, bliadhna o’n nochd, gheibh thu i sa cheart àite. An so aidicheamaid tròcair chaomh an Tighearn do’n t-saoghal. ’Se so am feum is suarraich a tha na reulta a’ freagradh, ann an cruthachadh Dhe; gidheadh tha so fein na aobhar taingealachd. 84. M’ an truaighe a tha sruthadh o Mhi-chreidimh. THA mi-chreidimh a’ cuideacha gu mòr gu cuir as d’ ar sòlais. Tha e cur an aghaidh gach firinn a tha gu ro eifeachdach gar cumail suas, ’s a toirt misneach dhuinn fo thruaigh agus fo dhosguinn ar crannchuir. Ann an àm soirbheachaidh, tha na teagasgan a tha e seoladh dhuinn cùl a chur riu ’nan impidh chum ar n-inntinn a thogail agus ar gairdeachas a mheudachadh. Tha sin a’ gabhail co’-roinn de shochairean na beatha so leis an taingealachd agus leis an tlachd is mò, ’nuair a mheasas sinn iad air am buileachadh oirn le laimh fhial fhiugantaich an De uile iomlan, ’s an uair is ann a tha sinn gam faotuinn tre chaomh thròcair air an deanamh cinnteach dhuinn trid eadar-mheadhonaireachd a Mhic fein; ’s an uair a ghabhas sinn sàr-bheachd [TD 220] oirre mar earlais agus mar roi-bhlas air an lànachd aoibhneis sin, a tha feitheamh oirn aig a dheas laimh ann an neamh. Agus ’s eiginn gum measar an ni a a bheir uainn an sòlas diadhaidh so ro-dhiùbhalach dhuinn, mar a’ cur an lughad ar sonuis, nach ’eil mar is trice ach neo-iomlan agus gearr. Ach ’s amhuil toradh na mi-chreidimh a chuireas as de thlachd gach sochair shaoghalta, a tha gan co’-leagadh ri toileacha feolmhor, agus gar fàgail gu bhi air ar cumail suas leo mar na brùidean a tha dol a dhi, gun smuain a tha ’g éiridh os ceann an duslaich, agus gun dòchas ri aon ni an taobh thall do’n uaigh. Ach, ’s ann am measg dheuchainnean agus an-shocair a tha mi-chreidimh ga nochda fèin air a mhodh is cothromaiche agus is duaichnidh. An uair a tha sinn air ar claoidh le triobluidibh lionmhor na beatha so, ciod a bheir misneach dhuinn fo’n tròm uallaich, ach na foillsichean agus an sealladh a tha ’n Soisgeul a’ toirt duinn? Ciod, a chum so a dheanamh, a dh’ fhaodar a choimeas ri chreidsinn gu bheil gach ni a bhos air thalamh fo stiùradh gliocas agus maitheas neo-chriochnach an Uile-chumhachdaich, agus gu bheil neo-bhàsmhoireachd de shonas a’ feitheamh oirn ann an saoghal eile? Ma bheirear am mothachadh so air falbh, ciod air an socraich sinn, air an dean an inntinn gu foighidneach tearuinte, greim le lan-mhuinghinn an àm na h-airce? C’ àite bheil an ìocshlaint a dh’fhaodas mi a chàramh gu h-éifeachdach ri m’ chridhe leointe, an déigh dhomh cùl a chur ri Ard Léigh an anama? Cuir mi fo na cruaidh-chais is deacaire—na dthoir dhomh r’a itheadh ach aran a bhròin—thoir uam na cairdean is ionmhuinne leam, cuir a chòmhuidh mi do bhhothan bochd na h-ainnis, agus air leabuidh dhocair na h-easlainte—cuir am bàs fa m’ chomhair le uile uabhasan: dean an t-iomlan de so—amhàin leig leam mo dhòchas a chur ann am Shlan- [TD 221] uighear, agus socraich mo cheann air uchd bàigheil an Uile-chumhachdaich, agus cha bhi eagal uilc orm; bheir mi buaidh air triobluid, ni mi gairdeachas ann am àmhghar. Ach thigeadh mi-chreidimh a steach eadar Dia agus m’ anam, agus tàirneadh e a sgàile dorcha thairis air ath-bheatha, agus ceangladh e m’ uile earbsa ris a bheatha so a mhàin, agus m’ uile dhòchuis ri beagan bhliadhnaichean, a tha co neo-chinnteach ’sa tha iad gearr—agus cionnas is comasach dhomh giulan leis, le cruadal na le suilbhearrachd, fo uallach a chràidh? no c’àit am faigh mi aon bhraon de shòlas chum a chur anns an deoch sheirbh so a thugadh dhomh r’a h-òl? Tha mi beachdachadh air an t-saoghal so sa bheil mo chòmhnuidh, ach cha’n fhaic mi aon challaid chum mo dhìon o’n doinionn, no aon chungaidh-leighis do m’ anam, no idir aon deoch de uisge fuar chum mo bheothachadh o m’ sgìos agus o m’ laigsinn air mo thuras. O! cionnas a dh’ fhaodas mi a bhi ach neo-shòlasach agus truagh, an uair a tha mi as eug’ais Dhe, agus gun dòchas! 85. Stéigh ar dòchais. O DHE thug riamh dhuinn còmhnadh! bun ar dòchais as so suas! Ionad ar dìdein ’nar n-airc, ’s ar cobhair ’an là ar cruais! Fo sgàile do chrathair-righ o deònaich dhuinn sìth is fois Am feadh tha thusa ’g ar dion, mealaidh sinn gu siorruidh clos. [TD 222] M’ an d-éirich na sleibhte suas, m’ an d-fhuair air talamh a dhreach, Bha thu; is bithidh tu Dhe, an déigh dhoibh uile dol seach. Tha mìle linn ann ad là’ir, mar là theid seachad gu dian; Mar fhaire dhiombuan de’n oi’che, m’ an soillsich air maduin grian. Tha fineacha diomhain an t-sluaigh gan sguabadh air falbh le tuil, Gus an dtheid iad, le’n cùram faoin, a sìos maraon fo’n t-sruth. ’S tus’, a Dhe, thug riamh dhuinn còmhnadh, stéigh ar dòchais as so suas; Ionad ar dìdein ’n ar n-airc, ’s ar cobhair an là ar cruais. 86. Duan. ’SLUAINEACH mo chadal an nochd, Ge beo mi fhein, cha bheo mo thlachd; Mo chridh air searg ann am uchd, ’S trom dubhach m’ inntinn gu beachd. ’S anns an àraich an so shìos Tha bhean is meachaire, mhìn-ghil cruth; Deud air dhreach cailce ’na beul, Bu bhinne na téud chiùil a guth. Mar chobhar an uisge ghloin, Mar shlios eala ri uisge mear; Glan leug mar an cathadh-cuir, Dh’fhàg thu mi gun chobhair a’d’ dhéigh. Slat ùr nam fàinne fionn, Bean is mìne, mhoghair sùil; [TD 223] ’S a gruaidh mar an caorrann dearg, Air lasadh mar dhealbh an ròis. Meòir fhionn air bhasaibh bàna, Uchd soluis is àillidh snuadh; An gaol a thug mi dhi, r a luaidh Ochain nan och, ’s cruaidh an càs! Cha dìrich mi aonach, no beinn, Mo cheum air a lagadh gu trom; Aithear cha dthig air mo ghnùis, Gus an dean an ùir mi slàn. Mar ghrainne mullaich na déis, Mar ghallan san òg-choille fàs, Mar ghréin ri folach nan reull, Bu tu fein am measg nam mnà. 87. An Garbh mac Stairn. DH’IMICH Garbh mar Stairn agus Dual a dh’fhaicinn Fhinn agus a threun fheara colgach, iomraiteach ann an gniomharaibh arm. Bha Fionn san àm sin ’na thigheadas samhraidh am Buchanti. Nan turus d’a ionnsuidh, ghabh iad beachd air gach gleann agus faoin mhonadh, air gach allt agus caol choirean. Ghabh iad sgeul de gach coisich agus gach fear a thachair ’nan còir. Ann an gleann na’n cuach agus nan lon, chunnaic iad bùth taobh sruthain; chaidh a steach, dh’iarr deoch; dh’éirich ribhinn a b’ àluinne snuadh a dh’fhàilteachadh an turuis le sìth. Thug i biadh dhoibh r’a itheadh, deoch ri h-òl; dh’iarr an sgeul le cainnt thlà. Bhuail gaol o a suil an Garbh borb, agus dh’innis cia as doibh. “Thainig sinn o thìr na’n crann, far an lionmhor sonn—mac righ Lochlainn mise—m’ainm Garbh nam b’àill leat—esan Dual, o thìr nam beann, a thuinich an Albuinn [TD 224] o thuath—a ghabhail cairdeis gun sgàth o’n àrd righ Fionn, sud fath ar turuis a chiabh na maise—ciod am bealach am buail sinn? seol ar cos gu teach Fhinn, bi dhuinn mar iùl, is gabh duais.”—“Duais cha do ghabh mi riamh,” ars an nighean bu bhlàithe sùil, ’s bu deirge gruaidh; “cha b’e sud àbhuist Fheadhaich nam beann éilde, gam bu lionmhor daimhich ’na thalla, ’g am bu tric tathaich o thuath—ni mise dhuibh iùl.”—Gu gleann-sìth tharladh na fir: gleann an tric guth féidh is loin; gleann nan carn is na’n scor; gleann nan sruth ri uisg is gaoth. Thachair orra buaghar bhò, is rinn dhoibh iùl; thug dhoibh sgeul air dùthaich na’n creag, air fir agus mnaibh, air fàs shliabh agus charn, air neart feachd, air rian arm, air miann sloigh, agus craobh-thuinidh nam Fiann. 88. Briathran Fhinn ri Oscar. A MHIC mo mhic, ’se thuirt an righ! Oscair, a righ nan òg fhlath! Chunnaic mi dealradh do lainne, ’s b’e m’uaill Bhi ’g amharc do bhuaidh sa chath. Lean gu dlù ri cliù do shìnnsreachd, ’S na dìobair a bhi mar bha iadsan. ’Nuair bu bheo Treunmhor nan rath, Is Trathull athair nan treun-laoch, Chuir iad gach cath le buaidh, Is bhuannaich iad cliu gach teagmhail; Is mairidh an iomradh san dàn Air chuimhn’ aig na Baird an déigh so. O! Oscair, claoidh thus’ an treun-armach, ’S thoir tearmunn do’n lag-làmhach fheumach; Bi mar bhuinne-shruth reothairt gheamhruidh [TD 225] Thoirt gleachd do naimhdibh na Féinne; Ach mar fhann-ghaoth shéimh thlà shàmhruidh, Bi dhoibhsan a shireas do chobhair.— Mar sin bha Treunmhor nam buadh, ’S bha Trathull nan ruag ’na dhéigh ann: Bha Fionn ’na thaice do’n fhann, Ga dhìon o ainneart luchd eacoir: ’Na aobhar shìninn mo làmh, Le fàilte rachainn ’na choinneamh; Is gheibheadh e fasgadh, is càird, Fo sgàil’ dhrilinneach mo lainne. 89. Aisling Mala-mhin. ’SE guth anama mo rùin a t’ ann! O ’s ainmig gu aisling Mala-mhìn thu! Fosglaibh Talla nan speur, Athair Oscair na’n cruaidh bheum, Fosglaibh dorsaibh nan nial, Tha céimne Mala-mhìn gu dian. Chualas guth ann am aisling fein, Tha farum mo chléibh gu h-àrd. C’uim a thainig an osag ’am dhéigh, O dhu-shiubhal na linnidh ud thall? Bha do sgiath fhuaimneach an gallan an aonaich, Shiubhail aisling Mal-mhìne gun dian: Ach chunnaic i a rùn ag aomadh, ’Sa cheò-earradh a’ taomadh mu chliabh: Bha dearsa na gréin air thaobh ris, Co boisgeil ri òr nan dàimh. Is e guth anama mo rùin a t’ ann, O! ’s ainmig gu m’ aisling fein thu! [TD 226] Is còmhnuidh dhuit anam Mal-mhìne, A mhic Oisein is trèine lamh; Eirigh m’ osna mar ri dearsa o’n Ear, Thaom mo dhòir am measg shile na h-oidhche. Bu ghallan àluinn ad fhianuis mi, Oscair, Le m’ uile gheugaibh uaine m’ am thimchioll; Ach thainig do bhàs-sa mar osaig O’n fhàsach, a’s dh’ aom mi sios: Thainig earrach le sileadh nan speur, Ach ni ’n d-éirich duill’ uaine dhomh fein. Chunnaic òighe mi gu sàmhach san talladh, Is bhuail iad clàrsach nam fonn: Bha deoir a’ taomadb le gruaidhibh Mala-mhìn, Chunnaic òigh mi ’s mo thùrsa gu trom. C’ uim a’ bheil thu co tùrsach a’ m’ fhianuis, A chaomh ainnir aig luath-àth nan sruth? An robh e sgiamhach mar dhearsa na gréine; Am bu co tlachdmhor a shiubhal, ’s a chruth? ’S taitneach t-fhonn ’an cluais Oisein, A nighean Luath-àth nan sruth dian; Thainig guth nam bàrd nach beo Am measg t-aisling air aomadh nan sliabh; ’Nuair thuit codal air do shùilibh soirbhe, Air cluain Mòr-shruth nan ioma fuaim. ’Nuair phill thu flathail o’n t-seilg, Is grian lò a’ sgaradh na beinn, Chuala tu guth nam bàrd nach beo; Is glan faiteil do cheoil fein. Is caoin faiteal nam fonn, a Mhala-mhìn, Ach claoidhidh iad anam gu deoir: Tha sòlas ann an tuireadh le sìth, ’Nuair dh’ aomas cliabh tuirse gu bròn. [TD 227] Claoidhidh fad thùrsa sìol dòruinn, A thlà nighean Thoscair na’n cruaidh bheum. Is ainmig an laithe o’n neoil, Tuitidh iad mar chuiseig fo ’n ghréin, ’Nuair sheallas i sìos na soillse, An déigh do’n dubh cheathach siubhal do’n bheinn, ’Sa throm-cheann fo shileadh na h-oidhche. 90. Dàn mu chonaltradh. ’NUAIR bha Ghaelic aig na h-eoin, ’Sa thuigeadh iad gloir nan dàn; Bu tric an còmhradh sa choill Air ioma ponc, m’ as fior am bàrd. Thainig piaid luath na gleadhraich, Shuidh i air grod-mheur còsach fearna; Bha chomhachag na gurach riabhach. Ma coimibh gu ciallach, samhach. Dh’ éirich a phiaid gu grad; Thuirt i, ’s i stailceadh a bonn: “An dthusa sin a’ d’ mheall air stob? An-uair air do chiod-cheann trom! ’M bi do theanga ghnà fo ghlais, ’S tu gun luaidh air neach na ni, Cha dùinte ri sean-chloich bhric? A spuch-shuileach a chnaip gun bhrigh!” “Pŭ-hŭ-hŭ-u! tha thu faoin,” Ars eun maol a mhothair chòir, “Os mis tha fiosrach sa chùis, Fheudail! ’s beag an tùr tha’ d’ ghlòir. Cha bheus liumsa glige ghlaige, Chaoidh cha ghabh mi tlachd do’n luath-bheul; Labhraidh mi ’nuair chi mi feum air; ’S cha choisinn mo bheul dhomh bruaidlein. [TD 228] Ach ’s tric càch ort fein a’ magadh, ’S a liuthad glug-mhearachd bristeach, Thaomas le cladhaireachd fhacal, O shìor-chlabar guib gun tuigse.” “Bu ghreis doibh mar so sa chonnsbuid, “A gearr-bhearradh gloir a chéile; Gus an do leum a nuas an glas-eun, ’S rinn esan gach beairt a rèiteach; Air gach taobh ’nuair chual e chùis, Thuirt e riu le rùn gun chleth: “M’as fiach mo bhriathran éisteachd, ’So mar dhearnainn fein duibh breith. ’S ioma barail a measg sluaigh; Is toigh le cuid ni ’s fuath le càch Pairt their dìreach na ni cùis, ’S cuid nach dùraig sgur gu bràth. Tha àm gu labhairt, ’s àm bhi sàmhach, Am gu cràbhadh, ’s àm gu cleasachd, Am gu bròn, is àm gu h-àbhachd; ’Sonadh ’n dream a thàras ceart iad. ’S lionmhor iad da’n ainm bhi tuigseach, O’n dthig mìle focal cearbach, Còrr uair a mheasa tu gorrach, Le tuille ’s a chòir de sheanachas; Neach ’g am bi theanga fo smachd, ’S ainmig leis gu’n gluais e lochd: ’S saoilear gum bi ’n t-ùmaidh glic, ’Nam b’eol da bhi tric na thosd.” 91. Comhairlean Easbuig Carswell da Mhac, 1560. LATHA bha sinn gu mear, uaibhreach, A mhacaidh ud is guirme sùil: [TD 229] Aon fhocal air leas an anama, Gur seirbhe bhlas na ’m fearn ùr. Iain a bhaile so shuas, Gur truagh nach tuigeadh tu ’m bàs; Nach faic thu fear na h-uaille shios, Is am feur uaine trid roi fàs. Ge mòr leat do ghiudhrain mhuc, ’S do bhuaile bhuar bhallach, bhreachd; Uibhr an ubhaill ge beag, Cha dthéid do’n uaigh chumhang leat. A dhuine thruaigh! nach gabh thu eagal; ’M faic thu ’n t-eug thugad na ruith; Ionanns’ bhi air bhòrd na h-uaighe, Ged bu tu bu bhuain’ air bith. ’Nuair bheirear uait an ceann-adhart, ’Sa théid air fradharc do shùl; Cuiridh iad thu sìnnt air mhaidibh, ’S cha’n ann air leabaidh de ’n chlòith. Cuiridh iad thu ’n cistidh chumhaing, Aon bhrat lìn do bhi mu d’ chorp, Druim do thighe ri cuinnein do shròine, ’S cumhang an teach còmhnuidh dhuit. Tri slatan de anart margaidh, Théid mu d’ chorp, ’s gur beag a phrìs; ’S bidh do chàirdean, ’s do luchd-comuinn, Ga ghearradh mu d’ bhonnaibh shios. Togaidh iad thu ’n darna-mhàireach, Sluagh m’ an seach a’ dol fo d’ chorp; ’Ille ge môr leat do mhire, Nìtear cluich na Cille ort. [TD 230] Carbad beag nach bi do shàth Bheir iad leat gu beul an t-sluichd; Làmh na ti bu chaomh air uairibh, Uir gu tiugh ga sluaistreadh ort. Bheir iad thu gu beul na h-uaighe Gun neart, gun fhradharc, gun lùths; Do chairdean a d’ dhéigh gu brònach, Is fàgar shìos a’ d’ ònrachd thu. A dhuine thruaigh nach fan thu d’ eagal, ’M faic thu’n t-eug thugad a ruidh, Ionanns’ bhi air bhòrd na h-uaighe, Ged bu tu bu bhuain air bith. 92. Mu Sheann Dàin na Gaeltachd. FHAD ’sa chaidh seanachas a’ chinnidh dhaonna a rannsachadh, fhuaras gu’n robh ceud fhiosrachadh gach sluaigh air fhoillseachadh ann an duanaibh Bhàrd. Tha an Leabhar Naomh ’na dhearbhadh siorruidh gu’n robh moladh an Uile-chumhachdaich, agus dhaoine deadh-thoillteannach ’ga thaisbeineadh ann an rannaibh o thùs an domhain. ’S ann a h-òranaibh nam Filidh a cho’-dhealbh gach cinneach san àirde ’n-ear an earrann bu mhò ’s bu shine d’an cuid eachdruidh. Cha’n’eil fine a chraobh-sgaoil air feadh na h-Eorpa, nach do ghléidh an cleachdadh ceudna. A réir an teisteannais a ’s fearr a ta againn a thaobh gnàthanna agus modhanna ceud luchd-àiteachaidh eileana Bhreatainn agus na h-Eirinn, ’s ann an ranntachd a bha’n t-iomlan d’an cuid fòghluim air a dhealbh. Anns gach ionad ’san d’ rinn iad bàilteachas ’na dhéigh sin, dhlùth-lean iad ris [TD 231] a Bhàrdachd. Taisbeinidh sin an t-aobhar mu’n robh duain cho phailt am measg ar sinnsearadh; agus nochdaidh e ciod an seòl air an d’ fhàs a’ Ghailig cho foirfe ’s gach buaidh a bhuineas do chànain dhiongmhalta. Bha’n fhilidheachd, a là agus a dh’oidhche, am beul nan òg agus nan sean. Ge b’e ni ris an cuireadh e a làmh, no ris an leagadh e a chridhe, gheibheadh an Gàidheal toilinntinn sa’ bhàrdachd, agus bhiodh an t-òran dùthchais a’ cur sunnt air ’aigne. B’e gnìomh nam bard, a bhi ’seinn cliù ghaisgeach, agus a’ mosgladh an t-sluaigh gu treubhantas; agus ’s i tàmailt cho mhòr ’sa b’urrainn an Gàidheal foghainteach fhulang, “gun iomradh bhi air ’ainm san dàn.” Dream ma ta mar na Bàird, a bha co feumail am measg sluaigh ’gan robh cridheachan fosgailteach, fialaidh, fiughanta, maille ris gach àrd bheachd a bhuineadh do Chinneach mìleanta nach do strìochd riamh do chuing choigrich, is coltach gu’m faigheadh iad gach oidhrip air a thaisbeineadh gu’n robh iad toillteannach air a’ mheas so o uaislibh agus o ìslibh an dùthcha. Mar so bha àrd chliu agus deadh bheusan a’ beothachadh agus a’ brosnachadh a chéile cho mòr, ’s nach ioghnadh idir ge do bha na Gàidheil co déigheil air solus an dàin a chumail suas o linn gu linn. Am measg nam Bàrd a bha ainmeil o shean ann an Gaeltachd Alba, b’e Oisian gu mòr a b’àirde cliu. Bha na duain a rinn e coimhlionta anns gach buaidh, leis an urrainn teangaireachd an t-anam a mhosgladh gu h-ard smaointean agus gu mòr ghniomharan. Chlò-bhuaileadh uime sin na duain a rinn e air clàraibh cridheachan nan Gaedheal. Bha iad ’gan sìor-aiseag o’ Athair gu mac, anns gach ionad anns an do labhradh Gailig, rè iomadh linn. B’i ranntachd Oisian toilinntinn gach cuirme agus gach còmhdhalach. Anns na h-oidhchean fada geamhraidh, mu chagailt a’ ghealbhain shuilbhearra, agus mu sholus an lòchrain daraich no ghiubhais, bhiodh [TD 232] sgeul nan euchd a rinn Fionn, Oscar, Cuchulluinn, Caoilte, Goll agus Diarmad, a’ fadadh tein’ aoibhinn an uchdaibh na h-òigridh, agus a’ toirt nam bliadhnachan a dh’fhalbh, le’n uile dhearsadh, gu cuimhne nan aosmhor. Dlùth air ceud bhadhna roimhe so, thàinig mùthadh mòr air cleachadh agus modhannaibh nan Gàidheal. Bu ghann teaghlach Cinn-cinnidh, aig an robh ni ’s fhaide bàrd, no clàrsair, no seanachaidh, mar a b’ àbhaist doibh roimhe sin. Leigeadh gu mòr air di-chuimhn na seann dàin bu taitneach le ’n sinnsearraibh. Air eagal, an ùine ghearr, gu’n caillteadh iad gu tur, air iartus agus cosgais dhaoin’ uaisle foghlumta ann an Dùn-éidin, agus sa’ choimhearsnachd, thug Seumas MacMhuirich, a Baideanach, mu chùig bliadhna deug an déigh latha Chuil-fhodair, dà chuairt air feadh na Gàeltachd, chum gu’n cruinnicheadh e na dh’ fhaodadh e de dhànaibh Oisein. Na fhuair e dhiubh thionndaidh e, air ball, gu beurla. Bu ghann neach nach do leugh, agus nach do mhol, a’ Shaothair.—Sgaoil i air feadh na Roinn-Eorpa gu lèir. Chaidh a tionndadh ’sgach cànain; air doigh ’s gu’n d’ fhuair Oisein ann an tìribh imchéin, agus an caintibh choigreach, am moladh agus an t-àrdachadh sin nach d’ fhuair e roimhe riamh, ach ann an cànain, agus an dùthaich nam beann. Air impidh cuid d’a luchd-eòlais chuir Seumas MacMhuirich roimhe na dàin ghaelach a chruinnich e a chlò-bhualadh mar an ceudna; ach a chionn nach d’thàinig a bheag an air aghaidh a bha miannach air a’ ghniomh a chuideachadh, b’éigin da san àm, a rùn a leigeadh air cùl. Chaidh fios so gu h-Innsibh na h-airde ’n-ear, far an robh an Ridir Iain MacGregair agus moran eile a dh’uaislibh na h-Alba.—Chruinnich e fein, agus a chairdean, ar ball, airgiod gu leoir, a chuireadh a dh’ ionnsuidh Mhic Mhuirich, gus an gnothach a [TD 233] chur air aghaidh, ach fhuair esan bàs gun an obair a chuir amach, agus chaidh iomadh dhe na dàin air chall. Bhuilicheadh ochd mile deug marg do’n airgiod so, ann an clòdh-bhualadh na Gaelic ann an Lunnuin, sa bhliadhna 1807, maille ri tionndadh fìrinneach, focal air fhocal, gu Laidinn, le Roibeart MacPharlain.—Tha ’n t-saothair so air a h-ath fhoillseachadh, as eugmhais na Laidinn, gu leas coitchionn nan Gaidheal. A CHLANNA NAN GAEL! Chuir na Laoich o na ghineadh sibh, le taic nam Beann, le misneach an Dàin, ’s le faobhar a chlaidhe, na Roimhich o shean, air ais do’n tìr chein, ge d’ a cheannsaich iad earrann mhòr dhe ’n Domhan. Is anns na blàraibh cian-iomraideach a thugadh a nuadh, air feadh na h-Eorpa, ’nuair a bhagair Ain-tighearna na Frainge, gu ladarna, aon tigh-daorsainn a dheanamh do’n t-saoghal gu leir, sheas sibhse, mar bu dual, ri gualai ur Righ dhùchasaich, gu calma, curannta, cunbhalach; bhur n-anama brăs sa chath, le meamna Ghaisgeach na Feinne, agus fhuair sibh, mar iadsan, moladh an dànabh gach Dùthchadh, nach leigear air di-chuimhn fhad ’sa mhaireas eachdrui na rioghachd, agus an sguir na soluis neamhaidh a thomhas bhliadhnachan agus linntinn. Chum gu’n deanta, le h-uirigleadh taitneach ur Baird fein, a mòr aigne so altrum, abachadh, agus a shior-mhosgladh, feadh na linntean a tha ri teachd, gus an eirich e gu barr mhullach na mòralachd, tha na dàin a dhealbh Oisein Mac Fhinn air an cuir a mach, a nasgaidh, le deadh dhùrachd dhaoin uaisle àraid a bhuineas dhuibh fein. Gu ma fada mhealas sibh an cliu sin a tha cho dligheach dhar muinntir, anns gach deadh bheus [TD 234] agus deadh ghniomh. Lionmhor bitheadh ’ur sliochd mar Reulta nèimhe, cruadalach mar an Darach nach cìosnaich sian a gheamhraidh; ’s gun robh saorsa, agus sonas, gu bràth, ag aiteachadh tìr na’m Beann, ’s na ’n Gleann, ’s na ’m Breacan!!! 93. Amaideachd a bhi fo eagal san dorcha. THA mòran de shluagh òg ealamh a bhi fo eagal san dorcha, agus a bhi sgàthach mu thimchioll ni-éigin aig nach ’eil bith ach ’nam barail dhiomhain féin. Bu chòir do’n dream so smuaineachadh air amaideachd agus faoineachd am barailean, agus a thoirt fa’near gu’n robh oidhche air a h-orduchadh le Dia chum fois do dhuine agus do ainmhidh, agus cha’n ann chum comas a thoirt do spioradaibh olc falbh mu’n cuairt a dheanamh uilc, agus a chur eagail air sluagh.—Bha òganach beag maille ri ban-seirbhiseach ag imeachd dhachaidh air oidhche ro-dhorch, agus bha coinneal aca air a lasadh chum an t-slighe a nochdadh dhoibh. Sheid a’ ghaoth ro laidir ’nan aghaidh, agus chuir i as a’ choinneal. Bha a’ bhan-seirbhiseach an sin fo gheilt air eagal gu’n tachaireadh ni-eigin neo-thalmhaidh oirre; ach thubhairt an t-òganach rithe, “Na biodh eagal ort, oir an Ti a ta ’gar freasdal san là, tha e comasach air ar freasdal san oidhche mar an ceudna. Cha chomhdaich an dorchadas o a shealladh-san, agus cha tachair ni air bith dhuinn ach ni a ta air orduchadh leis-san ann an gliocas, agus ann am maitheas. Air an aobhar sin c’ar son a bhitheamaid fo eagal agus fios againn gu bheil sinn ann an làmhaibh an Ti sin a’s urrainn ar tearnadh o gach gàbhadh agus cunnart.” Nan sealladh clann bheag air freasdal an Tighearna sa’ bheachd so; nan cuimhnicheadh iad gn bheil a [TD 235] làthaireachd an còmhnuidh maille riu; gu’n teasairg e a shluagh féin anns gach teanntachd, agus gu’n toir e air gach ni co’-oibreachadh chum maith dhoibhsan a chuireas an dochas ann, chitheadh iad aobhar a ràdh maille ris an t-Salmadair, A’ ghrian cha bhuail i thu san là, No ghealach fòs san oidhch’, Ni Dia do choimhead o gach olc; Ni t’ anam dhion a chaoidh. Do dhol a mach, ’s do theachd a steach Coimhididh Dia a ghnàth; O’n aimsir so a nis a t’ann, ’S o sin a mach gu bràth. 94. Mu mhaitheas De d’ar taobh. THIGIBH, rachamaid do dhubhar an doire, oir is e teas an là a th’ ann, agus tha blàths na gréine a’ cur mi-shuaimhneas oirn. Tha ’n dubhar taitneach agus fiunnar; tha na geugan a’ coinneachadh a chéile os ar cionn a’ cumail uainn na gréine le gorm-bhrat àluinn; tha’n fhaiche blà ri ’r cosaibh, agus tha’n t-alltan seimh a ruidh mu bhun na’n craobh. Tha’n t-àilein boidheach air a chòmhdachadh le luidhibh àluinn; deanamaid ar sìneadh air; aomamaid air cuirp air an fheur mhaoth, agus caidleamaid gu ciùin; oir tha gach ni nan tosd, agus sinn gu tur ’nar n-aonar. Faodaidh am buar fois a ghabhail san dubhar fhionnar; ach tha sinne comasach air ni is taitnich a dheanamh; faodai sinn cliu a thoirt do’n Dia [TD 236] mhor a chruthaich sinn. ’Se rinn a ghrian bhlà, agus fionnachd an dubhair; craobhan àluinn na coille, agus na h-uillt a tha ruidh gu siubhlach chum a chuain. Is esan a rinn gach ni a tha air aghaidh na cruinne. An urrainn duinn ar guth a thogail os cionn na nèamha? Am faod e bith gun d’thoir sinn airsan a tha os na reultan ar cluinntinn? Cha’n ion duinn ar guth a thogail chum nan speur, oir cluinnidh Esan a chagraich is dìomhaire; oir tha’n Ti a tha lionadh nèamh ’nar taic-ne mar an ceudna. Am faod sinne a tha co òg labhairt ris-san a bh’ ann o chian? Am faod sinne is gann a thuigear ar cainnt, labhairt ri Dia? Cha’n’eil ach goirid o thugadh sinne a tha co òg chum beatha; uime sin cha chòir dhuinn an làmh fhial a dhealbh sinn a dhi-chuimhneachadh. Is iomchuidh dhuinne nach urrainn labhairt gu soilleir, cliu fann a thoirt dhasan a sheol duinn labhairt, agus a dh’ fhosgail ar bile tosdach. M’an robh sinne comasach air smaoineach uime-san, chuimhnich esan oirne; m’am b’urrainn duinn asluchadh air ar beannuchadh, bhuilich e iomad sochair oirn. Dhealbh e ar buill mhaoth, a’ toirt oirre fàs; tha e gar deanamh neartmhor, àrd, agus teoma. Tha sinn, rè seal, ni’s beothaile an diugh na bha sinn an dé; uime sin is cubhaidh dhuinn am barrachd molaidh a thoirt da gach là mar thig. Tha na gucagan a’ sgaoile nan duilleach, agus tha na blàithean a’ fàs nam meas; ach cha ’n aithne dhoibh mar tha iad a’ fàs, no cò a thug orra cinntinn a nìos as an talamh. Feòraich dhiubh, agus feuch an innis iad duit; abair riu iad a sheinn molaidh, agus luadh-ghair ait a dheanamh. Tha fàile cùbhraidh dhiubh; tha iad maiseach; ach tha iad tosdach; cha chluinnear am fuaim anns an doire; no borbhanaich sa mhachair fhaoin. [TD 237] Tha na luibhean agus na craobhan air an dealbh chum toradh a thoirt do’n duine, ach tha’n duine air a dhealbh chum cliu a thoirt do’n Dia a rinn e. Is caomh leinn a chliuthachadh, a chionn gu bheil e gar beannachadh; tha sinn a’ toirt da taing arson ar beatha, a chionn gur taitneach an ni a bhi beo. Is ionmhuinn leinn Dia, a chruthaich na h-uile nithe; is toigh leinn gach dùil, arson gur e Dia a chruthaich iad. Cha’n urrainn duinne math a dheanamh do gach neach, mar ni Dia; ach is urrainn duinne gairdeachas a dheanamh a chionn gu bheil Dia anns gach ionad gu math a dheanamh dhoibh. Cuimhnicheadh sinn air Dia gach aon àm; ’nuair a theid sinn a mach, ’s an uair a thig sinn a steach; ’nar codal, agus ’n ar dùisg; bithidh a mholadh do ghnà air ar bilibh. 95. Teaghlach Dhe. FAIC far a bheil bothan bochd an fhir-oibre, air a thuthadh gu blàth dìonach; tha bhean a’ snìomh aig an dorus; tha chlann bheag a mireag m’an cuairt di air an àilean; tha iadsan is sineadh a’ fòghlum obair a dheanamh, agus tha iad freagarrach; tha’n t-athair a’ saoithreachadh arson an lòin; tha e’n dara cuid a’ treabhadh an fhuinn, no cròdhadh an arbhair, no a’ crathadh a mheas abuich o’n chraoibh; tha chròithlein maoth a’ ruidh na choinneamh le fàilte ’nuair a thig e dhachaidh; agus tha bean an tighe a’ cur àird air an t-suipeir. Tha’n t-athair, a mhàthair, agus a chlann a’ deanamh suas teaghluich; ’s e’n t-athair an ceannard. [TD 238] Ma tha’n teaghlach dùmhail, agus am fearann farsuing, feumaidh seirbhisich a bhi ann a ni còmhnadh chum an obair a dheanamh: tha iad sin uile a thàmh ann an aon tigh; ag itheadh an aon arain; tha iad a’ lùbadh an glùin le cheile chum aoradh a thoirt do Dhia gach maduinn agus feasgar; tha iad ionmhuinn mu chàch a cheile. Ma thig tinneas air a h-aon diubh bithidh iad fo bhròn; ma bhios aiteas air neach dhiubh, ni iad uile gairdeachas. Tha ioma tigh air an togail dlù air a chéile; ioma teaghlach an co’-chaidreamh; coinnichidh iad a chéile air an fhaiche, agus ann an sràidibh taitneach, a reic agus a cheannach, agus ann an tigh a mhòid! agus tha beumadh a chluig ga’n gairm cò’-ladh chum tigh Dhe. Ma tha neach uireasbhui’each, ni a choimhearsnach fòir air; ma tha mulad air, bheir e co’-fhurtachd dha. ’Se so baile; faic mar tha na craobhan àluinn ag iathadh uime. Ma tha iomadaidh thighean ann theirear baile mòr ris, agus tha e air a riaghladh le uachdaran. Tha ioma baile mòr, agus ranntachd fharsuing de thìr, a’ deanamh suas rioghachd; tha i air a’ cuairteachadh le beanntaibh; air a roinn le aibhnichibh, a h-iomall a’ ruigheachd na fairge; is muinntir aon dùthchadh an luchd-àiteachaidh; ’s i’n aon chainnt a th’ aca; tha iad a’ deanamh sìth no cogaidh ann an cho’-bhoinn—’Se righ is riaghlair orra. Tha iomadai rioghachdan agus dhùthachaibh air an làn àiteachadh a’ deanamh suas an t-saoghail so. Tha Dia ga riaghladh. Tha daoine a’ tiugh-thriall air uachdar mar sheangain m’ an dùn; tha cuid diubh dubh le teas na greine; tha cuid diubh ga’n cluthacha fein le còmhdaichibh blàtha an aghaidh an fhuachd; tha cuid diubh ag òl de thoradh na fionain; cuid de stughaibh riomhach eile; agus tha dream eile a’ cosg am pathadh le uisge glan nam fuaran fallain. ’S iad sin uile teaghlach Dhe; is aithne dha gach [TD 239] aon fa leth dhiu, mar dh’ aithnicheas buachaille a threud: tha iad a’ toirt aoraidh dha na’n caintibh fa leth, ach tha e làn-thuigsinn an iomlain; tha e gan éisdeachd uile; tha e gabhail cùram dhiu; cha’n’eil a h-aon diu co mòr ’s nach urrainn e an smachdachadh; no aon neach co iosal ’s nach urrainn e an dìon. A thràill bhochd, a tha air do chlaoidh ann am bruid, a’ sile nan deur os cionn do leinibh an-shocraich, ge nach ’eil neach a’ toirt aire dhuit, tha Dia gad fhaicinn; ge nach ’eil neach a’ gabhail truas diot, tha Dia ga ghabhail: tog suas do ghearan, tréigte agus aonaranach ’s mar tha thu; gairm air am meadhon do chruaidh-chais, agus gun teagamh éisdidh e riut. Cuimhnicheadh an t-Iompaire is cumhachdaich a tha na uachdaran air ioma rioghachd, a tha ghruaim co’-ionann ri bàs, aig a bheil fheachd ro-lionmhor, nach ion da uaill a dheanamh mar nach biodh aon chumhachd os a chionn: Tha Dia thairis air; tha ghairdein cumhachdach os a chionn; agus ma ni e gu h-olc, gu deimhin ni e peanas air. A rioghachdan an domhain, biodh eagal De oirbh; a theaghluichean dhaoine, gairmibh air ainm ur Tighearna. A’ bheil neach ann nach e Dia a chruthaich e: ma tha, na d’thugadh e aoradh dha: ma tha neach ann nach d’fhiosraich a bheannuchadh? na d’thugadh e moladh dha. ’Se Dia Uachdaran an righ; is gathan soluis a chrùn, agus tha a chaithir-rioghail a measg nan reult. Is esan Righ nan righ, agus Tighearna nan tighearnan: ma dh’àithneas e dhuinn bhi beo, bi’dh sinn ann; agus ma dh’iarras e oirn dol eug, bàsaichidh sinn. Tha uachdranachd os gach saoghail, agus tha solus a ghnùis air oibribh uile. ’Se Dia ar n-Aodhaire, uime sin leanaidh sinn e; [TD 240] ’se Dia ar n-Athair, uime sin bheir sinn gràdh dha; ’se Dia ar Righ, agus géillidh sinn dà. 96. Fàilte do mhnaoi òig le ceud bhréid. Mile failte dhuit le d’ bhréid, Fad an ré gun robh thu slàn; Moran laithean dhuit a’s sìth, Le d’ mhaitheas a’s le d’ ni bhi fàs. A chulaidh cheille-sa chaidh suas, ’S tric a tharruing buaidh air mnaoi; Bith-sa gu subhailceach ciallach, O thionnsgainn thu fhein san treubh. An tùs do chomh-ruidh ’s tu og, An tùs gach lò iarr Righ na’n dùl; Cha’n eagal nach dean e gu ceart, Gach dearbh bheachd a bhios a d’ rùn. Bith-sa fialaidh, ach bi glic, Bith misneachail, ach bi stòld; Na bi bruidhneach, ’s na bi balbh, Na bi mear, no marbh ’s tu òg. Bi gleidhteach air do dheagh rùn, Ach na bi dùinte ’s na bi fuar; Na labhair air neach gu h-olc, ’S ged labhrar ort, na taisbein fuath. Na bi gearanach fo chrois, Falbh socrach le cupan lan. A chaoidh do’n olc na tabhair spéis; Is le d’ bhréid ort mìle fàilt. [TD 241] 97. Mu na Sìothaichean. Rè mòran ùine, bha’n amaideachd a b’ fhaoine air a chreidsinn, feadh Galltachd agus Gaeltachd, mu thimchioll nan daoine Sìthe. Do réir na h-eachdrui thainig a nuas d’ar n-ionnsuidh, anns na sgeulachdan spleadhach a bha air an aithris umpa air feadh na Dùthcha, bha iad na’n creutairean neo-shaoghalta, guanach, eatrom, do-leirsinn do shùilibh dhaoine, ach ’nuair bu toil leo fein e, a’ sìor ghluasad air an ais agus air an aghaidh, a làthair anns gach cuideachdadh, agus a mach air gach cò’-dhail. Bha aca so, ma b’fhior, an còmhnuidh ann an uadhachaibh fad fo thalamh, ann an uaigneas ghleann, agus fo gach tolman uaine. Chuireadh as an leith, gun robh iad a’ sealbhachadh àrd shubhachas nan tallachaibh rìomhach fo thalamh; gun robh aca cuirm shuilbhearradh air àmaibh àraidh, le ceol bu bhinne, na aon ni chualas air thalamh; agus gun robh am maighdeanna na b’àillidh na uile òighean an t-saoghail so, iad do ghnà ri aighear agus ri dàmhsa, gun sgìos gun airsneul; ach na dhéigh so gu leir, sior-fharmad aca ri muinntir an t-saoghail so; a h-uile togradh aca gu brìgh gach sòlas a dheothal uatha, agus domblas a thilgeadh anns gach deoch bu mhillse. Anns na lìnne dorcha chaidh seachad, bha gach bàs obann, gach sgiorradh, agus dosguinn, air a chur as an leith; goid naoidheana, agus gnàthachadh ioma druigheachd, nach fiach aithris. Mar bha anns gach dùthaich san àm sin daoine cuilbheartach seolta, a bha mealladh na muinntir shocharach le’n gisgreagaibh faoine, sann, ma b’ fhior, o’n leannan shìthe a thàrmaich iad an t-eolas a bha iad a’ gabhail os laimh a bhi aca. Gad a chaidh an saobh-chràbhadh so, agus iomad amaideachd eile de’n t-seortsa so air chùl, ann an tomhas mòr feadh na Gaeltachd, agus gad a tha ’n t-iarmad de a tha làthair, a’ teicheadh roi ghathan [TD 242] dealrach an t-Soisgeil, mar a sgaoileas ceo na h-oidhche roi éiridh na greine, is iomchuidh an ni, gum bi fios aig daoine cionnas a thòisich an fhaoineachd amaideach sin. Chithear so ann an Eachdruidh na Dùthcha. O cheann da-cheud-deug bliadhn’ agus còrr, chaidh Creidimh nan Druidhneach a thilgeadh gu tur bun os cionn. Bha geur-leanmhuinn ghuineach air a dheanamh orrasan a ghnàthaich e. Bha iad air am fògradh o ionadaibh còmhnuidh dhaoine; agus air an co’-éigneachadh gu tearuinteachd iarruidh ann an glinn uaigneach, agus ann an uadhachan ùdluidh nan creag, far am faigheadh iad an creidimh a ghnàthachadh, a’ feitheamh gu foighidneach ann an dòchas gum faigheadh iad saorsadh uair no uair-eiginn o’n chruaidh-chàs o’n robh iad a’ fulang. Bha na Lochlannaich san àm sin, ag aidmheil creidimh nan Druidhnich, agus fhuair mòran de na chaidh fhògradh as an Dùthaich so, dìon agus fasgadh uatha. Bhrosnuich iad so na Lochlannaich gu éiridh as an leith, agus tha eachdruidh na Dùthcha ’g innse dhuinn, gur iomad oirp a thug iad, linn an déigh linn gu aicheamhuil a thoirt a mach as an leith: ’S ann nan aobhar-san a thainig iad ’nan cabhluichean a thoirt sgrios le teine agus claidheamh air gach àite san robh eagluisean an t-Soisgeil no tighean Mhanach air an suidheachadh. Fad na linn sin, bha mòran de na Sagairt Dhruidhneach san tìr so, aig an robh còmhnuidh, mar chaidh a ràdh, anns gach doire, agus anns gach fàsach uaigneach. Chum an àireamh a chumail suas, bu ghnà leo, mnathan agus clann a ghoid air falbh, agus gach cothrom a bha ’na ’n comas a ghabhail chum an uireasbhuidh a dheanamh suas mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh iad. Bha iad innleachdach seolta, am feadh ’sa bha muinntir na dùthcha aineolach dall; thug iad mar so air an t-sluagh a chreidsinn gun robh aca fiosrachadh os cionn nàduir; agus o’n àm sin, thòisich [TD 243] eachdrui nan daoine sìth. So ainm a bhuineadh gu h-àraidh do Shagartaibh nan Druidhneach. B’e’n gnothach-san reachdan a shocrachadh, agus sìth na Dùthcha a chumail suas. Chum iad am mòid air tulchaibh uaine, air cuirn liatha, agus air beanntaibh àrda; agus an lorg so, tha mòran de na h-àitibh air an ainmeachadh gus an là ’n diugh, Dùn-sìthe, carn-sìthe, sìth-bhruth, agus iomad ainm eile de’n t-seòrsa sin. An deigh do na Druidhibh so bhi air an cur fodha, smaointich daoin’ aineolach, o’n eagal a bh’ aca rompa, gun robh iad fhathast air mhodh neo-shaoghalt a chòmhnuidh sna h-ionaid sin. M’as e’n cumhachd a bh’ air a chur as leth nan daoine sìth, bha e air ainmeachadh drùigheachd, a’ dearbha dhuinn gur ann mar chaidh a ràdh, a thòisich an eachdruidh amaideach sin. Tha e gu h-àraid air innse m’an timchioll, gun robh àmaibh sònruicht ann, anns nach robh e sonadh teachd an gara d’an sìth-bhruth, gu h-àraidh oidhche Shàmhnadh agus Bhealtuinn. ’S ann gun teagamh o chleachda nan Druidhneach a thainig so a nuas; oir b’iad so an dà chuirm mhòr aca-san: agus ’s dùgh dhuinn a smaoineachadh gun oirpicheadh iad daoin a chumail air falbh an àm na’n cò’-dhailean sin, fhad ’sa bha iad fein a cleachda nan deas-ghnàth sin. Agus o nach b’urrainn doibh sin a dheanamh as eug’ais teine, ’se so thug a nuas a bharail sin gu bheil teine r’a fhaicinn air na Sìth-bhruthaibh sin, air co’-ainm nan àmanna sin. Mar so chitear cionnas a thòisich eachdrui nan daoine Sìth, d’an robh cho liugha aon a’ toirt creideas, gus o cheann ghoirid ann an iomad cearna de’n rioghachd. Chuala sinn seanachas air duine misneachail tapuidh, a thainig roi ioma cruaidh-chas sa chogadh fa dheireadh, nach d’thug a chùl riamh air a nàmhuid, gidheadh le bhi ’g éisteachd na faoineachd so na òige, bha ’n impis fàillneachadh le eagal, anns a bharail fhaoin gu’n cual’ [TD 244] e ceol nan daoine sìthe air oidhch’ àraidh; agus ged is culaidh-shùgraidh e, bheir sinn seachad e mar fhuair sinn e, a chionn gu bheil e leige ris duinn co faoin an ni ’s o’n éirich sgeulachdan de’n ghne so. 98. Sgeula mu Choire na Sìth. THACHAIR dhomh, (a deir fear eolais o’n d’ fhuair sinn an sgeula,) bhi siubhal, o cheann bheagan bhliadhnuichean, roi Gharbh-chriocha na Gaeltachd, roi mhonachan fiadhaich, far nach robh aon rathad, ’nuair a thuit domh air feasgar sàmhruidh, bhi air mo chuairteachadh ann an ceo dùmhail, ’nuair bha mi gabhail athghoirid thairis air guala beinne, cho àrd ’sa bha san Dùthaich. Mar bha àgh orm bha fear-cuairtich na’n crìocha farsuing sin maille rium san àm, a thug mi leam gam sheoladh gu bearradh àrd, as am faicinn sealladh air a Ghleann chum an robh mi dol. Fada m’ an d’ rainig sinn am bearra so, thuit an ceo co dùmhail, ’s gum b’ amaideach smaointeach dol ni b’ fhaide air ar n-aghaidh. Bha Eachunn ruagh, saighdear a bha maille rium, na dhuine tuigseach, bha e fada san arm, chuir e suas an còta dearg fo’n Cheannard urramach sin Ailean an Earrachd. Bha e maille ris ann an ioma cath cruaidh, agus b’ fhiach e éisdeachd gach sgeul a bh’ aige mu gach sealladh déistinneach a chunnaic e. ’Nuair a thuig e, nach robh e tearuinte imeachd ni b’ fhaide air bile nan sgàirneach a bha fothainn, threòruich e mi gu bun na frìdhe, far an robh ionad dìonach sam faodamaid fuireach gu maduinn. ’Nuair a bha sinn a’ tearnadh, dh’ fheoraich mi dheth an robh na creagan a bha na bheachd fada uainn. Tha creagan ni ’s leoir far a bheil sinn, agus tha uadha fhasg- [TD 245] ach goirid o’n àite so, ars esan; ach ’s coma leam iad, tha e co math dhuinn a seachnadh. ’Se so, a deir esan, ann an guth ìosal, mar gum biodh e cagaraich a’ m’ chluais, ’se so Coire-na sìth; agus a dh’ innse na fìrinn, b’ fhearr leam bhi fliuch leis a cheo, na fasgadh iarruidh anns na h-àiteachan grannda. Cha’n fhaod e bith, thuirt mi ris, gu bheil thus Eachuinn a’ creidsinn a leithid sin de amaideachd; Gun teagamh cha’n’eil thu ach ri feala-dhà. Feala-dhà, ann no as, deir esan, is coma leam iad, mar thuirt an seann duine, Fhad ’sa dh’ fhuirgheas an t-olc uainn fuirgheamaid uaithe. Thig air t-adhart, tha sinn dlù do Uadh-an-ochanaich, ach beannachd nan siubhal, ’s nan imeachd, ’si ’n nochd di-thaoine, ’s cha cluinn iad sinn. Thug mi air seasamh c’ ar tamuill, is thòisich mi air cuir an céill da faoineachd a leithid sin de smaointean. Chual’ e mi gu deireadh, gun stad a chuir air mo sheanachas, ach a socrachadh a bhreacain thair a ghualainn, ’s a’ toirt sgrogadh a nuas air a bhoineid, ghramaich e na bu tinne am bata bha na laimh, agus thug e ceum air aghaìdh, ag ràdh, Bi bruidhinn an dràsta, éisdidh mi riut am màireach, gabhamaid seachad air an àm, cha’n àite so gu mòran seanachais a labhuirt. Dean stad Eachuinn, thuirt mi ris, tha mi cuir romham an oidhche chuir seachad ann an Uadh-an-ochanaich, fuirich leam, ’s na fàg mi. Ach ma tha eagal ort—eagal, ars’ Eachunn, ’se tionndadh air a shàil, bi t’ earalas a dhuine chòir, agus tagh do chainnt; ge nach d’ thig dhomhs a radh, ’stu fein a cheud fhear a chuir eagal as mo leith. Tha mi ’g iarruidh maitheanais, thuirt mi ris, thig leam do’n Uadhaidh, feuchaidh sinn ciod a th’ agad an luib do bhreacain, is ni sinn réite. Theid mi leat, ars an Saighdear còir, agus fuirghidh mi leat, gad a bhiodh e làn de na Frangaich, gun tighinn air na creutairean lebeadach, faoin sin, nach ’eil, math a dh’ fhaoidte ann idir, gad tha [TD 246] leithid de sheanachas m’an timchioll. Bha sinn a a nis aig beul na h-Uadhadh, agus sheas Eachunn ruagh. Sin i agad a nis, a deir e, Is urram na h-uaisle do’n choigreach, gabh air t-adhart. Chaidh sin a stigh fo dhion, agus shuidh sinn air a cheud chloich chothromaich a fhuair sinn; cha robh mo chompanach ro dheonach air mòran cainnte; bha e sgioblachadh a bhreacain, ’nuair a ghrad thog e cheann mar gum buaileadh peileir e, Ciod e so, a deir e, ’se farcluais, mar creid thu mise, creid do chluasan? Thainig a nuas oirn sa cheart àm sin ceol tìomhaidh, binn, nach d’fhiosraich mi éisdeachd r’a leithid riamh roimhe; agus bha dearbh fhios agam nach b’ann o aon inneal ciùil a b’aithne dhomhs’ a thainig e. Cha’n fhaoda so gun mhòr ìoghnadh a chur oirn; bha’n oidhche dorcha, bha’n t-àite ùdlaidh uaigneach; bha sinn fad o thigheadas dhaoinibh, a measg garbhlach chreag, ann an coire fiadhaich. Eagal cha robh orm, oir bha mi làn chinnteach gur ceol saoghalt a bh’ ann, agus chuir mi romham, nam b’urrainn domh, fhaotainn a mach cia as a thainig e. An d’ theid thu suas leam, Eachuinn? Theid ars’ esan, is e cuir seachad na bha e toirt as a bhreacan; ’s minic a thachair e mar so fein, eadar am bile ’s an deoch. Shaoilinn gum biodh e co math fuireach gu maduinn; ach coma co dhiu, gabh air t-aghaidh, leanaidh mis thu; ach cuimhnich am fear a theid san dris gun iomair e tighinn as mar dh’ fhaodas e. Ghabh sinn suas,—an ceol a sior fhàs ni bu phòngaile agus ni b’àirde: fa dheireadh, thainig leus soluis oirn, sheas Eachann beagan air deireadh, ’s ’nuair a chaidh mi timchioll stùchd creige, chunnaic mi sealladh nach d’theid gu luath as m’aire. Dh’ fhan mo chompanach far an robh e, theagamh a smaoineachadh gum faca mi tuille na bu mhiann leam. Bha lasair chridheil theine aig ceann shuas na h-Uadhadh o ghiubhas seachdte a bha pailt ma’n àite: agus na shuidhe aig [TD 247] an teine bha leth-sheann duine laidir colgarra, curachd àrd molach air a cheann, anns an robh dos de ibht an fhìrein, agus a chom uile air a chòmhdachadh le béin fhiagh agus earabaichean. Bha làn shealladh agams air-san, ga nach b’urra dha-san mis fhaicinn. Bha e cluich gu sùrdail air dà thriumb mhòr Abraich, a bha air an deanamh san àm sin gu h-ealanda dlù air seana Chaisteal dubh Inearlochaidh. An crocha ris gach meur ga lamhaibh, bha clag beag airgid a rinn fuaim anabarrach binn, agus o’n do thàrmaich a cho’-sheirm a chuir ormsa na h-urrad iongantais, agus nam faoidte ràdh, a chuir mo chompanach fo eagal co mor. Thig air t-adhart, thuirt mi gu sàmhach ri Eachunn. A’ bheil iad an sin, thuirt e? A’ bheil iad a’ dannsa san t-solus, no ri fleadhachas cuirme? dhlùthaich e gu sgàthach ri m’ thaobh, agus air dha a cheud phladha fhaicinn de’n fhear-chiuil, thug e sichde seachad orm, a’ glaodhaich a mach le aighear nach b’urrainn da cheannsachadh, Iain mhòir na’n creag, an d-thus’ tha’n so? Mo bheannachd air do cheann molach, ’s mi tha toilichte t’ fhaicinn. Dh’éirich Iain bochd, is chuir e fàilte oirn, a’ tilge tuille mhaidean air an teine. Shuidh sinn ma’n cuairt air a chaguilt, agus dh’aidich Eachunn còir, oir cealg cha robh na chòm, nach b’urrainn da gu bràth a bhi co taingeil ’sa bhuineadh dha, arson nach d’fhuair e chead tilleadh, mar bha rùn air ’nuair a chual’ e’n ceol. Is ioma sgeul, thuirt e, a chuala mi riamh mu Choire-na-sìthe, ’s nam bithinn a nochd air tilleadh gun so fhaicinn bha mo sgeula fein chum an dearbhadh. Cha d’thugadh am Ministeir fein orm a chreidsinn nach robh na daoine beaga ann an Uadha-nan-ochanach. Dh’fheòraich mi dheth an robh da rìreadh eagal air? Eagal, deir esan, ’se suathadh air falbh am fallas fuar a bha fhathast air a ghnùis,—air nàile bha, ’s gu leòir dheth, barrachd ’sa bha riamh orm [TD 248] a’ dol sìos do’n bhlàr le Ailein an Earrachd: ach ma bha, cha bhi tuille ma’n ghnothach cheudna. Tha so a’ leige ris duinn cia co faoin an ni o’n éirich seanachas dùthcha mu ni bha iad ghnàthaicht a chreidsinn: agus nan rannsuicheadh daoine gu mionaideach mu thimchioll, thuigeadh iad gur e bh’ ann, an àite a bhi na chùis eagail culaidh àbhacuis agus fearas-chuideachd. Fhuair mi mach o Eachunn eachdruidh an duine bhochd so a bha san Uadha. Neo-dhuine gun mhath gun mhilleadh: a nuas o òige, gad a bha e gun mhòran toinisg na tuigse, bha e na sheol fein fo chaileiginn de mheas san dùthaich. Bha e eolach air aisrigh chumhang an fhéidh ’s na h-earba, ’s b’e thoileachas inntinn an fhaothaid a leantuinn le òigridh na tìre. Cha robh bearradh na bealach, na aithghearra roi mhonadh, na beul-àth air abhuinn, na carn na garaidh, air nach robh e mion-eolach. Rè an t-sàmhruidh bi Uadha na’n creag a chòmhnuidh, ghluais e o àiridh gu àiridh, is cha deachaidh e riamh air falbh falamh o a h-aon diubh. Cha bhiodh e gun lòn fhad ’sa bhiodh dearc air tom, meas no cnothan ann an coillidh; cha ’n fhàillnicheadh a leabadh, am feadh ’sa gheibheadh e fraoch badanach gorm, a’ fàs gu dosrach anns gach àite; agus mar thuirt e fein, bha a chuid tromb soirbh r’an gleusadh,—Bha dhachaidh anns gach àite far an luidheadh a ghrian air, agus còmhladh cha do dhruideadh riamh air. Cha robh mhàileid doirbh r’a ghiulan, cha robh innte ach a chlach theine agus am fada-spuinge,—sgian dubh a dh’ fhionna nam fiadh,—rioba a ghlacadh an fhìreoin, agus cromag iaruinn a lùbadh na ’n geug. Ach ma bha ’n duine bochd so air bheag eolais, bu taitneach ri fhaicinn an t-saothair a ghabh a phàrandan air ann an làithibh òige. Ghabh e dhuinn mòran de laoidhean agus de dhàin naomha, rinn e so le urrad chràbhuidh, agus air doigh bu stòlda na iomad fear a [TD 249] b’fhaide leughadh. Sheinn e iad le fonn tìomhaidh muladach, is e ri turaman air ais agus air aghaidh, a rainig mo chridhe. Ma’n do leag e a thaobh ri làr dh’earb e e fein ri Dia. Allabanaich bhochd! thuirt mi rium fhin, caidil gu tearuinte, gabhaidh Dia cùram dhiot. Truagh ’s mar tha thu ann am beachd an t-saoghail, tha thu co prìseil na shealladh ris an righ is mò air thalamh. Is lionmhor iad a tha air an oidhche nochd air an dìteadh leat, d’an d’thug Dia tuigse, fiosrachadh agus foghlum, a tha luidhe sios air an leapuichibh rìomhach, gun suim dhasan a tha os an ceann, agus o bheil iad a’ sealbhachadh gach beannachd. 99. Miann a Bhaird a fhuair Aois. O’ Càiribh mi ri taobh na’n allt, A shiubhlas mall le cèimibh ciuin; Fuidh sgàil a bharaich leag mo cheann ’S b’ thusa, a Ghrian, ro chàirdeil rium. Gu socair sìn san fhèur mo thaobh, Air bruaich na’n dìothain ’s na’n gaoth tlà; Mo chos ga slìobadh sa bhraon mhaoth, ’Se lubadh thairis caoin tre’n bhlàr. Biodh sobhrach bhàn ’s àilidh snuagh Mu’n cuairt do m’ thùlaich ’s uain’ fo dhrùchd, ’S a neonein beag ’s mo làmh fo chluain ’S an ealabhuidh ri m’ chluais gu cur’. Innsibh, o thrèig mo shuil a ghaoth, C’àite bheil a chuilc aig gabhail tàmh, Le glaoghain broin, ’s na bric ri taobh Le sciath gun deo aig cumail blàir. Mu’n cuairt do bhruachaibh àrd mo Ghlinn, Biodh lùbadh ghèug a’s orra blàth, [TD 250] ’S clann bheag na ’m preas aig tabhairt seinn Air creagabh aosd’ le h-orain gràidh. Biodh thusa ri dosan na’n Tom Le cumha do ghaoil ann ad Bheul, Eala; a thriall o thir na’n tonn, ’S tu seinn dhomh ciùil ann àird na’n spèur. Briseadh tre chreig na’n eithean dlu, M’ fuaran ùr le torraghan trom, A’s freagradh mac-talla gach ciùil, Ri strann-fhuaim srutha’ dlu na’n tonn. Freagradh gach cnuic a’s gach sliabh, Ri binn-fhuaim ghèur na’n aighean mear; ’N sin cluinnidh mise mile gèum, A’ ruith mu’n cuairt domh ’n’iar san ear. Sruthadh air sgéith na h-osaig mhin, Glaoghan mhaoth na’n Cro gu m’ chluais, ’N sin freagraidh a mheanbh sprèidh ’n ’ar chluinn An gineil ’s iad a ruith a nuas. Mu’n cuairt domh biodh luth-chleas laoigh Ri taobh na’n sruth no air an leirg, ’S am minnein beag de’n chòmhrag sgith Am achlais a’ codal gun cheilg. 100. A bhi strìochda do Dhia. AN uair a bha ’m flath ainmeil, Diùchd òg Bhurgandy, fiùran co àillidh dhreachmhor ’sa chunnacas r’a linn, na shìneadh na chiste mhairbh, agus Maithean agus Cùirtirean a rioghachd mu timchioll fo bhròn trom a’ gul agus a’ caoidh; thainig Ard Easpuig Fenelon a stigh do’n t-seòmar, esan aig an robh cùram an òganaich oirdheirc so ’an àm òige, agus a dh’ fhòghlum e, ghabh e nunn gu taobh na ciste, [TD 251] agus an déigh beachdacha car tamuill air an aogas mharbh, labhair e mar so.—Tha e’n sin na shìneadh, prionnsa mo ghaoil, gan d’ thug mi gràdh co blàth theas-chridheach ’sa thug an t-athair bu chaomhaile riamh d’a leanabh: agus cha bu ghaol gun chomain mo ghràdh dhà-san; ghràdhaich e mi le toighe agus dealas mic. Tha e’n sin a nis ’na shìneadh—agus tha m’uile shòlais shaoghalta nan sìneadh maille ris: Ach, deir esan, Gad a bhiodh e comasach, le aon fhuiltein a spìonadh o m’ cheann, a ghairm air ais do thìr nam beo, ’s mise nach gabhadh deich mìle saoghal, agus am fuiltein faoin sin a’ spìonadh an aghaidh toil De. 101. An oighreachd is luachmhoire. BHA duin’ uasal àraidh a bha ro uaibhreach a chuid fearainn. Thachair do charaid diadhuidh a bha air aoidheachd na thigh, a bhi mach maille ris, air mullach ard, o’n robh sealladh math aige air an dùthaich m’ an cuairt. Thòisich e, air farsuingeachd na h-oighreachd a leige ris da. Sud, deir esan, ’se sìneadh a mach a làimh, crìochan mo chuid fearainn-sa; agus seall chum na h-àird ud eile, an leur dhuit na tighean ud, is leams’ am baile sin mar an ceudna: agus tionndai do shùil chum na h-àirde so, innis domh am faic thu’n aitreabh ur ud a tha iad a’ togail; chi, deir am fear eile gu beachdaidh, buinidh sin domhsa cuideachd. Amhairc thus a nis, thuirt a charaid ris, mar a sdiùras mise do shuilsa, An leur dhuit am bothan beag iosal ud aig iomall a bhail’ ud thall? Is leur gu soilleir, Ciod e dheth sin? Tha, deir a charaid, a chionn gu bheil boirionnach bochd anns a bhothan ud, is urrainn barrachd a ràdh mu saibhreas, na thuirt thusa fhathast. [TD 252] An ann da rìreadh a tha thu, thuirt esan, cionnas a dh’ fhaodas sin a bhith? Tha, chionn gum faod is’ a ràdh, Is leamsa Criosd. Thionndaidh am fear eile air falbh, fo nàire, agus cha d’ thug e iomra tuille air farsuingeachd oighreachd am fad ’sa dh’ fhuirich a charaid maille ris. 102. Sgeula mu Easpuig Butler air leabuidh a bhàis. AN uair a bha ’n Diadhair ainmeil fòghluimte so, dlù da chrìch, dh’ iarr e ministeir an teaghluich a chuir a stigh a chainnt ris. Tha mis, ars an t-Easpuig, dlù air mo chrìch, agus gad a dh’ oirpich mi mar a b’ fhearr a b’ urrainn domh, gach peacadh a sheachnadh, agus toil mo Dhe a dheanamh, gidheadh tha mothachadh co mòr agam air mo laigsinn, agus air gach doigh a thainig mi air déigh laimhe, ’s gu bheil eagal mòr fhathast orm dol gu bàs. Easpuig ghràdhaich, thuirt am ministeir ris, ’n do dhi-chuimhnich thu gur e Criosd am Fear-saoruidh. Tha sin, a deir an t-Easpuig, fior, ’se Criosd am Fear-saoruidh gu dearbh, ach cionnas a thuigeas mise gu bheil e na Fhear-saoruidh dhomhsa? Nach ’eil e fein, fhreagair am fear eile, ag ràdh na fhocal, Esan a thig do ’m ionnsuidh cha chuir mi air chor sam bith cùl ris. An déigh dha bhi na thosd rè tamuil bhig, thuirt e, Tha na briathran a labhair thu gu dearbh sgriobhta, agus is glormhor an fhirinn a tha fillte steach annta; ach nach iongantach an ni gad a leugh mis na briathra prìseil sin mìle agus mìle uair, nach d’fhairich mi o m’ fhiosracha fein an cumhachd agus an éifeachd gus a cheart àm so; agus a nis, a deir esan, Taing dhuitsa, O! mo Dhia, tha mi dol gu bàs a’ m’ dhuine sonadh! [TD 253] 103. Mu thimchioll Dhe. BHA duin’ àinmeil d’ am b’ ainm Collins, ana-creideach a bha gu seolta sligheach, aig an robh mòran de sgoileireachd shaoghalta, agus do rèir gach cunntais, a rinn fior dhroch fheum dheth. Bha’n duine so mach mar is tric le sheòrs’ a bhith, a’ gabhail a làn-aigheir air là na sàbaide, gun suim de àithne Dhe no de leas anama fein. Thachair e air tuathanach còir a bha dol do’n eagluis, agus smaoinich e gum faigheadh e aobhar ghàire na aghaidh, anns a bheachd so dh’ fheòraich e dheth, C’àit a bha e dol? Fhreagair e, gun robh e dol do’n eagluis. Ciod ars an t-ana-creideach a tha thu dol a dheanamh do’n àite sin? Tha mi, a deir esan, a’ dol a thoirt aoardh do m’ Dhia. Innis dhomh, ars am fear eile, le suarrachas an-diadhuidh na chainnt, An Dia mòr no’n Dia beag do Dhia-sa? Tha e’n da chuid, ars an tuathanach, tha e mòr agus tha e beag. Cia mar is urrainn sin a bhith? Innseam sin duit, Tha e co mòr ’s noch urrainn neamh nan neamh a chumail, agus tha e san àm cheudna co beag ’s gu bheil e chòmhnuidh ann an chridhe-sa. Dh’ aidich an neo-chreideach na dhiaigh sin, gun do dhrùigh am focal a labhair an duine so air a chridhe, agus gun do dhùisg e gu barrachd smaoineachadh e na na h-uile leabhar foghluimte chaidh a chur a mach ’na aghaidh. 104. Sealladh air Baile Ierusalem le fear-turuis. THA e ’g innse dhuinn, agus gu fìrinneach tha sinn a’ toirt creideas da, nach ’eil e comasach le cainnt, beachd sam bith a thoirt seachad, ’an coimeas, ris [TD 254] na smaointean a dhùisg ’na inntinn ’nuair a thainig e ann am fradharc a Bhaile naomh, le thùir àrd, le theampuill Thurcach, agus gu h-àraidh ’nuair a bheachdaich e air barr-mhullach eagluis na h-uaighe naomha a dealradh fo ghathan na gréine a bha nis a’ dol fodha na làn àilleachd. ’Nuair a shocraich e a shùil air a cheart àite sin, far an cualas guth an Ti shiorruidh fein, far an do thaisbein am Fear-saoruidh a dhiadhachd, far an do dhòirt e fhuil amach air a chrann-cheusaidh, mar iobairt thoileach shaor arson peacaidh a chinne-dhaonna, trid an d’ rinneadh réite eadar an Cruthai’ear agus a chreutoirean, agus a dhaighnich e sonas a phobuill gu siorruidh—’s an àm so, bha mi ars esan, air mo lìonadh le smuaintibh a fhuair làmh an uachdar orm, a chuir mo cheann, mar gum b’ ann gu tuainealaich le uabhas naomh agus le subhachas diadhuidh. Bha mi marcachd san àm, ach theiring mi, chuir mi dhiom mo bhrògan, agus ga m’ irisleachadh fein gu làr dh’ fhàilltich mi an talamh air an robh mi, Ag éigheach a mach. Gloir do Dhia anns na h-àrduibh, Sìth air talamh, agus deadh-ghean do dhaoinibh. 105. Mu chall a Bhàta, da ’m b’ ainm Mairi o Iona, a’ dol amach leis na buanaichean anns a bhliadhna, 1822. CHA’N ann chum deur a tharruing o’n t-sùil, no osna bhròin o’n chridhe, a tha’n eachdruidh chianail so air a sgriobhadh; ach ann an dòchas gum faod i bhi tarbhach chum leas spioradail na muinntir a leughas i chuir air aghaidh, le iadsan aomadh gu eolas tràth a ghabhail air Dia, mothachadh ceart a bhi aca air buntuinneas a Fhreasdail, truas altrum na’n cridheachaibh arson fulangas an co’-chreutair, agus iad fein a bhrosnuchadh chum uimeacha tràthail a [TD 255] dheanamh fa chomhair uabhas bàis agus breitheanais a tha feitheamh oirn air fad, ’s nach eil math a dh’ fhaoidte fad air falbh. Ann am fior thoiseach an fhoghair, dh’ fhàg an soitheach beag so a Ghaelteachd, le séa ’s dà fhichead pears’ air bord, agus an uair a bha i mar uidh thri no ceithir de mhìltean do Ghrianaig, ceann crìch a turuis, tamull beag roi mheadhon oidhche, thainig a h-aon de na soitheachain ùra innleachdach sin a th’air an gluasad le neart teine, gun suim do ràimh na shiùil, da’m b’ ainm an Hercules, a nuas orra na lan chumhachd, agus o dhorchadas na h-oidhche, leis an t-siubhal mhòr a bha roipe, cha do mhothaich iad ga chéile, gus an robh iad co dlù ’s nach robh tilleadh na seol seachnaidh comasach. Cha luaithe bhuail an Hercules an soitheach beag eile na rinn i da bhloidh dhi. Na thachair anns an àm so, is usa gu mòr a smaoineacha, na chuir sios ann am briathraibh, Glac cuid diubhsan a bha innte greim air crann agus acfhuinn a bhàta, fhad ’s a shnàmh i, ach cha robh sin fada, oir lion i gu luath, agas chaidh i fodha. Thuit cuid de na buanachean bochda fo chuibhlichean eagallach na luinge a chuir as doibh, leis an robh iad air an liodairt air an doigh bu déistinnich smaoineach air; ach a chuid bu mhò dhiubh, gun chomas air oirp sam bith a thoirt, chum iad fein a shàbhaladh, chaidh iad gu grad sios an coinneamh a bhàis sin a thainig orra air mhodh co uabhasach; as a measg air fad cha do thearnadh ach cearthar, da fhirionnach agus da bhoirionnach, agus chaochail a h-aon diu sin fein ann an ùine ghearr. Ma bha aon ni a dh’ fhaodadh an calldach so a dheanamh ni bu diùbhailich na chéile, ’s e’n dlù-dhaimh san robh iad; chaill a h-aon diubhsan a fhuair gu tir a bhean, a mhàthair, agus a phiuthar chéile; chaill a h-aon eile dhiu a mac agus a nighean, ’s an treas duin’ a fhuair gu tir, a bhràthair, agus a phiuthar; air chor ’s gun robh fir- [TD 256] phòsd agus am mnathan, pàrandan agus an cuid cloinne, bràthairean agus peathraichean, ann so a’ dol fodha le chéile ann an glac a bhàis, ’s na h-uisgeachan gu là bhràth a’ dùnadh thairis orra. ’S e’n ni àraidh a bha ’m beachd nan daoine sin a’ fàgail an dùthchadh air an àm so, cosnadh fhaotainn rè an fhogharadh air machraichibh na’n Gall. Bu shunndach a bha iadsan ag amharc rompa chum an là anns am pilleadh iad air an ais a cho’-pairteachadh le comunn an gaoil toradh an saoithreach; ach so cha do dheonaich Dia; dhoibhsan chaidh am foghara gu grad seachad, agus bha’n sàmhra gu h-obann air a chriochnochadh.—Chaidh a ghrian fodha orra gu bràth, agus ghearradh air falbh iad ann am meadhon an dòchais. Cia anfhann gearr-fhradharcach clann nan daoine! ’s beag tha fios aca ciod a bheir là m’an cuairt; tha ar làithe, gu deimhin, mar leud boise; gu firinneach tha mac an duine na staid is fearr na dhiomhanas. Tha e teachd a mach mar bhlath agus seargaidh e, teichidh e mar sgàile, cha bhi e ni’s faide ri fhaotainn. 106. Gliocas air a tharruing o chall Mairi o Iona. BU neo-mothachail sinn gu dearbh mar oirpicheamaid gliocas a tharruing o’n eachdruidh mhuladach roi’-ainmichte. Aireamh co mòr d’ar luchd-dùthcha fein, a bhi air an gairm co grad ann an làthair Dhe air dhòigh co eagallach. C’uin a dhi-chuimhnichear an calldach so ann an Eilean Iona? Ach a’ bheil guth Iehobhah ann am bàs obann nam buanaichean bochda sin a’ labhairt ri neach air bith ach riu-san? B’e’n amaideachd dhuinn so a smaoin- [TD 257] teachadh. Tha gliocas ri fhaotainn uaithe, leis gach aon a dh’éisdeas ris an sgeul mar bu chòir dha. O gum biomaid glic, gun tuigeamaid so, agus gun d’thugamaid ar crioch dheireannach fainear! Bheil sinne ’giulan do ghnà air ar cridhe a chuimhne fheumail, gur creutairean bochda bàsmhor sinn, aig nach ’eil aon latha barandas air bhi beo o Dhia; gu bheil sinn gach uair d’ar n-aimsir buailteach do Dhia arson na rinn sinn anns a cholainn. A’ bheil thus a tha ga leughadh so ag uimeachadh fa chomhair bàs agus siorruidheachd, agus do ghnà a’ deanamh faire a thaobh ’s nach’eil fios agad ciod an t-àm a là no dh’oidhche is toileach leis-san do ghairm air falbh. Theagamh gu bheil thu òg an tréin do neart; agus air leat mòran de bhliadhnaichean fhathast romhad. O! b’òg, laidir agus fallain mòran diubhsan air a’ bheil sinn an dràst a’ labhairt, ach bu ghrad gun rabhadh gun bhàirlinn a dhùin tonna na fairge thairis orra, ’sa bha’m bìnn gu siorruidh agus gu neo-chaochlaideach air a socrachadh, ionnas gun robh gach aon de’n dà-fhichead pearsa so a chaidh fodha air an àm so ann am prioba na sùl ann an gloir do-labhairt maille ri Dia, no gu siorruidh air am fògradh as fhianuis. B’ait da rìreadh an smaointe gun deach iad so uile do neamh a dheanamh gairdeachas fa chomhair cathair Dhe agus an Uain; agus ma bha iad na’n creidich dhìleas ann an Criosd, ’se so gun teagamh an cor. Cha b’ aithne dhuinn iad, is gad a b’ aithne bu dàna dhuinn breith a thoirt orra; ach ’s i cheist a thigeadh dhuinne a chur le cùram agus iomaguin, cha ’n e bheil no nach ’eil gach aon diubhsan sàbhailte, ach nam b’e toil De sinne a ghairm air falbh le sanus co gearr, a bheil sinne deas agus ullamh? Cha’n fhiosrach sinne ciod a ghne bàis a tha feitheamh oirn, tha fios cinnteach againn gum feum sinn falbh, ach c’uin, no c’àite, no cionnas, aig Dia a mhàin a tha brăth. Cha’n’eil bàs obann a’ feitheamh air gach aon neach, tha cuid ann [TD 258] da bheil Dia deonachadh sanus a thoirt fada roi-laimh, air chor ’s gu bheil iad gan uimeachadh fein arson an namhuid deireannach, an fheadh ’s a tha cuid eile air an gairm air falbh, mar bha buanaichean Iona, gu grad gun fhaireachadh sam bith. A leughadoir, bi thusa glic, math a dh’ fhaoidte nach ’eil a ghairm fada uait. ’S ann air mheadhon oidhche a thachair an sgiorradh so; gun teagamh mheudaich so an t-uabhas. Tha ni eiginn ann an sàmhchair, agus ann an dorchadas a mheadhon oidhche nach faod gun gach aobhar eagail eile antromachadh gu mòr. Tha iolach a bhàis eagallach air àm sam bith, ach sgread oillteil a bhàis air mheadhon oidhche o bhuillsgein cuain, cha’n’eil e comasach a chluinntinn gun ghoirisinn agus ball-chrith; agus gu h-àraid ’nuair tha so air a thogail le aon no dha d’ar co’-chreutairean ann an gàbhadh; ach le àireamh mhòr a’ dol fodha san aon àm, mar thachair ann an so. Chualas an glaodh fad o’n àite san deachaidh an soitheach fodha, agus iadsan a chual’ e tha iad ag ràdh nach deach a ghaoir mhuladach sin fad iomad là agus oidhche as an cluasaibh; nach cual iad riamh, ’s gu bheil dòchas aca nach cluinn, iad aon ni co déistinneach. O choslas na’n corp a fhuaras, agus o theist nan daoin’ a thearnadh, cha’n’eil teagamh nach robh mòran diubhsan a chailleadh ’n an suain ’nuair chaidh iad fodha, agus is dòcha nach do mhosgail iad gus an d’ fhosgail iad an sùilean ann an siorruidheachd. ’S ann an so a bha ’n caochladh grad, agus ma fhuair iad bàs ann an Criosd bu shòlasach an t-atharrachadh; ach dhoibhsan nach robh, cia uabhasach? Bithibhse, uime sin deas, a deir Criosd, oir cha’n aithne dhuibh an t-àm a là no dh’oidhche, san d’thig Mac an duine. Theagamh gu bheil cuid agaibhse a leughas so fhathast ann an suain a pheacaidh: dùisg thus’ a tha ad chadal, agus gairm air do Dhia. Dean aithreachas, gabh ri Criosd, tha là na [TD 259] tròcair a’ dol gu luath seachad, is tha’n oidhche tarruing dlù anns nach dean aithreachas feum. ’Nuair a rainig an sgeula muladach so eilein I, sgaoil e gu luath o dhorus gu dorus, cha robh tigh as an robh smùid, anns nach robh gul agus bàs-bhualadh; bu déistinneach r’a chluinntinn gaoir nan daoine bochda. Bha’n so banntraichean a’ caoidh am fir phosda ris an do dhealaich iad o chionn là na dha ann an tréin an neart, bha ceithir pàranda fichead, a’ caoidh an cuid cloinne, taic an làithean, agus cas-sheasamh an sean aois. Bha seachd agus dà fhichead dìlleachdan ag ionndrain an athar agus na màthar sin nach pilleadh tuille d’an ionnsuidh. Cruadalach agus fearail mar tha luchd-àiteachaidh nan Eileanan; air an sàruchadh, mar is tric a tha iad, le annradh cuain, air an claideart air tìr le saothair ghoirt, tha acasan na cridheachan is caomhaile agus is blàithe, ’s ni bheil air aghaidh an t-saoghail daoin is toighich air a chéile na iad. ’S fhurasda uaithe so a thuigsinn cor truagh muinntir I Chalum Chille, ’nuair a chual’ iad sgeul’ a bhròin. Cha b’ìoghna gad a bha iomad glaodh tiomail r’a éisdeachd nam measg.—Là na dhà thairis agus ’s eiginn duinn air fad dealachadh, fuasglar gach snuim—tha àl a’ tighinn agus àl a’ falbh, mar bhuaileas tonn an déigh tonn air tràigh. Tha gach blàth a’ fosgladh, ach ’s ann chum seargadh, agus bàsachadh—ciod i ar beatha ach sgeula goirid gearr—mar bhoisge gréin air fàir, na mar bhadan ceo air gualadh beinne, a dh’ fhuadaichear air falbh leis an oiteig is faoine. [TD 260] 107. Laoidh. M’ athchuinge oirbh a chual’ an sgeul, Mosglaibh gun dàil, is bithibh deas; Co bheir buidheachas san uaigh ’S cha d’thig a h-aon de’n t-sluagh air ais. Deanaibh obair fad an là, Is dorchadas nan tràth d’ar còir; M’am fàs an teanga gun chli, Is uinneagan a chinn mar cheo. Is amhuil mi is earb am preas, Gaodhair ga caol-ruidh na h-airc; ’Nuair thàrlas i ann an cluain, Cha chuimhnich i ruaig no cath. Mar luing gun seol mi ann an cuan, Doinionn mhòr ri bord a strìgh: Fhir a dh’ fhuasglas air gach càs, Glac an stiùir is sàbhail mi. Réitich, a Shlanuighear nam buadh, Cala séimh do m’ anam sgìth; O ’s tus’ a cheannaich mi o’n bhàs, A Thriath na’n gràs sàbhail mi. 108. Ma fharsuingeachd Cruthachadh Dhe. CHA’N’EIL ni air talamh a bhos no air aghaidh nan speur shuas o nach faod duine gliocas fhoghlum, agus eolais a ghabhail air cumhachd agus gloir an Ti àrd agus naomh a chruthaich iad gu leir. Tha [TD 261] uile oibre a làmh a’ taisbeanadh a bhuaidhean àrd, ann an cainnt a tha soirbh r’a thuigsinn leo-san a tha gan toirt fainear gu ceart. Tha na speuran, gu h-àraidh, a ghrian, a ghealach, agus lionmhoireachd nan rionnag agus nan reull, a’ seinn a chliu. Tha na neamh, a deir an Salmadair, a’ foillseacha do ghloir, tha na speuran a’ nochda gniomharra do làmh. Cha’n’eil e comasach do’n duin’ is aineolaich, agus is neo-fhoghluimte beachdachadh air aghaidh na h-iarmailte, ann an oidhchc shoilleir gheamhruidh, gun bhi air a dhùsgadh gu smaointean, agus gu fheoraich dheth fein, Cò’n làmh a chruthaich na tha mi san àm so a’ leirsinn? Cò chroch na lochrain àrd os mo cheann? Cò tha toirt doibh an uile àilleachd agus dhreach? Cò is fear iùil doibh, a’ treorachadh an ceumaibh àrd? So ceistean a dhùisgeas gu nadurra ann an cridhe gach aon aig a bheil tùr no toinisg nàduir, as eug’ais sgoileireachd na foghlum. Ach mar is eolaiche tha daoine air reulta nan speur, agus air gach ni a fhuaradh a mach ma’n timchioll anns an lìnn ionnsaichte so, ’s ann gun teagamh is dùgh dhoibh am barrachd mothachaidh a bhi ac’ air gliocas agus cumhachd an Ti sin a chruthaich gach solas neamhuidh, agus a tha freasdal doibh fa leith. Tha fios cinnteach againn a nis gur gann a tha aon reull san iarmailt uile co beag ris an t-saoghal so air a bheil ar còmhnuidh. Tha e air a dheanamh a mach gu beachduidh gu bheil na milltean diubh gu mòr ni ’s mò. Trid na ’n gloineachan innleachdach a tha nis aig na speuradairean, tha nithe ùr agus iongantach air am faotainn a mach o bhliadhna gu bliadhna mu thimchioll nan reul. Tha cumhachd na’n gloineachan sin air am meudachadh o àm gu h-àm, agus mar tha’n cumhachd so a’ meudachadh, tha iongantais ùr air an leige ris, air chor ’s gur duilich a ràdh c’àit an stad an t-eolas a tha daoin’ a’ faotuinn, ma theid iad air an aghaidh [TD 262] rè mìle bliadhna gu teachd mar chaidh iad ann an ceithir fichead bliadhna de na chaidh seachad. Ge nach biodh eolas againn air a bheag de na reultan, ach na tha ann an cairdeas ris an t-saoghal so, agus a tha dol m’an cuairt air an aon ghréin ruinn fein, bheireadh, eadhon, so dhuinn beachd àrd air moralachd agus farsuingeachd rioghachd an Uile-chumhachdaich. Tha cuid do na reulta so fein naoi ceud uairean ni ’s mò na an saoghal so; agus tha a h-aon diubh, nach ’eil nar beachd-ne, ach mar rionnaig bhig ruiteach, os ceann ceithir-cheud-deug uair ni’s mò na’n saoghal. Ach tha a ghrian againne, agus gach reull a tha gluasad maille ruinne ma’n cuairt di, gun ach asdar beag uainn, ann an coimeas ris an asdar do-thuigsinn, tha eadar sinne agus na reultan eile. Tha uidh eadar sinne agus na reultan suidhichte, a tha’n taobh a muigh de chumhachd na gréin’ againne, a ghabhadh am peileir is luaithe a thainig riamh a mach a beul gunna mhòir deich ceud mìle bliadhna ga shiubhal. Tha daoine foghluimte am barail, gur gréin dhealrach a tha anns na reultan suidhichte sin, le’n saoghail fein a’ gluasad ma’n cuairt doibh, a’ tarruing an solais, agus am blàths uapa. Faodar mu mhìle dhiu so fhaicinn leis an t-suil ann an oidhche shoilleir gheamhruidh, ach le innleachd ghloineachan chithear ceithir fichead mìle a bharachd air ni’s urrainn an t-sùil a thogail. Tha’n Speuradair ainmeil sin Herschel ag innse dhuinn ann an àite air an do shocraich e a ghloine, gun robh sèa ceud reul aige san amharc cò lath, agus gun atharachadh as an àite sin, gun deachaidh ann an cairteal na h-uaire, cùig ceud mìle reull seachad air. Agus an diaigh so uile is làn chinnteach sinn nach ’eil an àireamh is mò air am faod innleachd dhaoine ruigheachd, ann an coimeas ris na tha fad as an t-sealladh, ach mar bhraon drùchd air bhàrr cuiseig, ann an coimeas ris gach braon uisge ann an cuantaibh mìle saoghal. Tha farsuingeachd gun chrioch gun tomh- [TD 263] as ann an oibribh Dhe, nach urrainn do inntinn chruthaichte a thuigsinn; agus tha’n fharsuingeachd so, agus gach saoghal a tha air fheadh, agus gach ni anns gach saoghal fa leith, làn de mhaitheas an aon Dia a chruthaich agus a dhealbh iad air fad; agus an ann-dànachd dhuinn a ràdh gu bheil na h-uidheachan mòra sin air an àiteacha le sluagh mar tha’n saoghal so? Gu bheil carthannachd daimh is coimhearsnachd air an tuigsinn sna h-ionadaibh sin; gu bheil moladh air a thogail suas do Dhia, gu bheil a theampuill agus iobairtean aige, anns a bheil saibhreas a bhuaidhean àrd air an sàr thuigsinn le luchd-aoraidh diadhaidh agus geur-chuiseach. Tha thus’, O! Dhe, a’ liònadh siorruidheachd: Is mòr thus’, a Thighearna, agus ’s mòr do chumhachd, cò is urrainn t-àrd cheuma a lorgachadh? Cha d’ fhuair sinne cainnt no coimeas chum meud oibre Dhe a chur ’an céill; ann an smaointeachadh air so, ’si cainnt an Scriobtuir is fearr a fhreagras duinn. Is leats, O Thighearn an cumhachd, a ghloir, agus a mhoralachd; oir is leatsa gach ni air neamh agus air talamh. Cò dh’fhaodar a choimeas ruit, O Thighearna, ’s ni bheil oibre ann cosmhuil ri d’ oibhribh-se. 109. Cliu o Oibribh Dhe. THA feachda flathail nan neamh a’ striochdadh, a DHE, a’ d’ là’ir; ’S do mholadh ’nam beul ’ga luadh le ceileiribh buadhach àrd. Ach ’s cian ro-fhada fo d’ ghlōir mola nan slōgh gu léir; [TD 264] Cia gearr, mata, air do bhuaidhibh luadh thig o bhileachaibh crè. Gidheadh am fan sinne ’nar tosd, ’s gach dùil a’ nochda do chliu; ’S co’-sheirm aig t-oibre le chéile, mar theudaibh deagh inneil chiùil. Tha soillse dealrach nan speur, feadh gach ceum d’an astar dian, Gu balbh binn a’ cur an céill do ghloir eag-samhuil, a Thriath! Tha dealradh na maidne moich air nialaibh soir ag innse’ Gur maisich thu fein gu mòr, n’an solus a dh’ òr an iormailt. Tha anail chūbhraidh nan ròs, is blàth ro-bhoidheach nan lus, A’ taomadh tùis air àile dhasan a dhùisg iad o’n dus. Ceol nan ian, is fead na gaoith, is torman aomaidh nan sruth, Chluinn mi ’g adhart da chéile, ged mholadh-sa, DHE, le’n guth. Mar so tha t-uil’ oibre, DHE, a’ sior chur ’an céill do chliu; ’S ma bhiomsa ’n am measg am thosd, biodh mo theanga nochd gun lūgh. [TD 265] 110. Mu na Laplannaich. THA’N Dùthaich sa bheil iad so a chòmhnuidh fo shneachda agus reodha an earrann is mò de’n bhliadhna, agus cha’n fhaodar a ràdh gu bheil iad as eug’ais fad an t-samhruidh. Rè sèa miosan de’n bhliadhna cha’n’eil a ghrian ri faicinn, agus cha’n’eil a bheag r’a chluinntinn ach fuaim na doinionn, agus donnalaich nam madruidh-alluidh an tòir air an cobhartach. Tha gach ni air aghaidh na tìre ann an coslas marbhantachd, gun lus, gun duilleach, gun bhlàth ri fhaicinn. Tha’n àireamh is pailte de luchd-àiteachaidh na dùthcha so a’ gabhail còmhnuidh fo thalamh, agus anns an t-sàmhradh ’am bùthaibh a dh’ atharraicheas iad o àite gu h-àite. Tha taobh a stigh an aitreabh air a chuairteachadh le béin nam fiadh-bheathaichean a tha iad a’ marbhadh arson lòin, agus na h-ùrlair air a bheil iad a luidhe air an còmhdachadh leis an ni cheudna. Ach na smaoinicheamaid gu bheil an sluagh so neo-shonadh, agus mi-thoilichte. Tha e fior gu dearbh gu bheil e ’g imeachd gu docrach tre gharbhlach reasgach na dùthacha sin, buailteach a ghnà do ghaillionn agus do fhuachd; ach tha a chorp cruadalach na urrainn giulan leis gach allaban. Tha’n Laplannach bochd air aon doigh truagh, ach nach mòr am beannacha dha nach ’eil e mothachail air uireasbhuidh nach faod e dheanamh suas. Tha solus na gréine rè ioma mìos a dh’ easbhuidh air, ach tha a ghealach agus na fir-chlis a’ soilleireacha na h-iarmailt, agus cha’n urrainear smaointeachadh air aon ni is àillidh na lannair nam fir-chlis sin a’ dol roi ’n gluasad siubhlach, aidhearach le mire-chatha, air aghaidh nan speur. Ma tha ’m fonn neo-thorrach, tha tachdar mara aca na làn phailteas. Tha ’m fàsaichean làn de fhiadh bheathaichean, agus thugadh innleachd agus teomachd dhoibh chum an glacadh. Tha mòran fhiadh [TD 266] aca, agus tha iad callda feumail doibh, mar chi sinn an diaigh so. Mar so chi sinn gu bheil aig gach tìr a h-aobhair shòlais fein, agus aig gach sluagh dearbhadh air maitheas De. Nam bitheadh aig na daoine bochda sin, am barrachd fiosrachaidh mu Dhia, agus mu na teagasgan sòlasach a tha air am foillseacha dhuinne anns an t-Soisgeul, maille ris an t-suidheachadh inntinn sin a tha iad a’ sealbhachadh, cha ruigear a leas fheoraich ciod tuille bhiodh a dh’ easbhuidh orra gun deanamh sonadh. 111. Dàn ma’n Gheamhradh. ’S o thainig an Geamhradh ma’n cuairt, Gum bi fuachd ann ma’m pill thu air t-ais: Bidh gach là dol ’an giorrad gu feum, ’S gach oidhche ga réir dol am fad: Sruthaidh luibhean, is coill’ agus feur, Na fàis-bheo crìon-eugaidh iad as; Teichidh ’n snodhach gu freumhach na’n crann, Sùghaidh ’n glaodhan an sùgh-bheatha steach. Seachdai geugan glan cùbhrai na’n crann, Bha san t-sàmhradh trom-stràchta le meas; Gun toirr-leum an toradh gu làr, Gun sgriosar am barr bhar gach lios. Guilidh feadain is creachainn nam beann, Sruthain shoilleir na’n gleann le trom sprochd, Caoi na fuarain ri meacuinn gu’n cluinn; Deach-shunnta nam maoisleach, ’s nam boc. Luidhidh bròn air an talamh gu leir; Gun aognaich na sléibhte, ’s na cnoic, Grad dhubhaidh caoin-uachdar nam blar, Fàl-rùisgte, ’s iad fàillinneach bochd. [TD 267] Na h-eoin bhuchallach, bhreachd-iteach, ghrinn, Sheinneadh baisgeanta, binn, am barr dhos, Gun d’théid a ghlas-ghuib air am beul, Gun bhodha, gun teud, ’s iad nan tosd. Sguiridh bùirdeisich sgiathach na’n speur, Da’n ceileiribh grianach car greis, Cha seinn iad am maidnean gu h-àrd, No ’m feasgaran-cràbhach sa phreas: Codal clùthor gun dean anns gach còs, Gabhail fasgaidh am frògaibh na’n creag; ’S iad ri iundrainn na’n gathanna tlàth, Bhiodh ri dealradh o sgàile do theas. 112. Mu Fhiadh nan Laplannach. THA’M fiadh so na ghnàsair an Dùthchaibh fuara na h-Airde-tuath, far an d’òrduich freasdal glic agus fiughantach iad, chum goireas agus beo-shlainte muinntir na tìre, a mhothaicheadh ro-chruaidh tighinn beo as an eug’ais. Aig an Laplannach cha’n’eil each, mart, no caora, cha fhreagradh iad sin san dùthaich; ach tha’m fiadh so a’ seasamh dhoibh an àit an eich, le’n tarruing air sligheachan air am b’ eacomasach do eich imeachd; tha e deanamh dhoibh an àite chruidh le bainne bhuileachadh orra; agus no caorach, le’m béin mholacha bhlàtha. Tha ’n sitheann na lòn fallain doibh; tha na féithean a’ deanamh dhoibh an àite snàth; agus is gann a tha aon ni a bhuineas do’n ainmhidh so nach ’eil a’ co’-fhreagra d’am feumalachd. Tha ’m Fiadh so air oileanachadh an àm òige ri tarruing ann an càrn-slaoid, inneal iomchair san dùthaich sin a tha ro-fheumail ’an àm dùdlachd. Tha ’n neach a shuidh- [TD 268] eas sa ghne charbaid so, a’ sdiùradh an fhéidh le srian ceangailte r’a chròic, agus ga chuir air aghaidh le bior-greasaidh. Mar so giulainear na Laplannaich deich mìle fichead san là, gun ana-cothrom sam bith. Tha ’m Fiadh so mu cheithir troighe gu leth air àirde; tha e ionann ann an dath agus an cumadh ris an Fhiadh sa Ghaeltachd; ach gu bheil an ladhar anabarrach mòr. ’Se biadh an Fhéidh so seorsa do chrotal no de liath-sgrath a tha fàs air leachdaibh na dùthacha sin. 113. Dàn. ’S taitneach leam focail nam fonn, Thuirt Cuchuluinn, an sonn deas; ’S taitneach sgeul air àm a dh’fhalbh, Caoin mar bhalbh-dhrùchd maduinn shéimh Air dosan is tuim nan ruadhag; ’Nuair a dh’éireas a ghrian gu mall Air slios sàmhach nan liath-bheann: Loch gun bhruaillein fada thall, Caoin is gorm air ùrlar ghleann. A Charuill, tog a rìs do ghuth; Dh’ éirich le aoibhneas san talla, ’Nuair bha Fionnghal nam ball-sgiath ’Lasadh mu ghniomh a shìnnsre. [TD 269] 114. Sealladh o Mhullach Beinne an Earra-Ghael mu dhol fodha na Gréine. O’N is cuimhne leam beathach na duine, b’e mo thlachd a bhi siubhal nam beann; agus is minic a ghabh mi sealgaireachd mar leith-sgeul, chum an srath fhàgail, agus farsuingeachd a mhonaidh a ghabhail fo m’ cheann. Tha toileachas-inntinn ri fhaotainn air mullach beinne àird, leis an t-sealladh fharsuing a tha uaithe air muir agus air tìr-mòr; nach faod gun àrdachadh inntinn a dhùsgadh a tha air doigh àraidh taitneach agus tarbhach. ’S ann uaith so tha e tachairt, gu bheil spéis mhor aig gach aon de’n bheinn is dlùithe do’n àite san d’fhuair e àrach,—bàigh a leanas ris fhad ’s is beo e; agus thigeadh e dhachaidh e Innsibh na h-àird an ear no’n iar, cha bhi e sa choimhearsnachd gun togradh a dh’ionnsuidh an àite anns an d’fhuair e, air leis, a cheud bheachd air farsuingeachd an t-saoghail; agus bi’dh e déigheil mar an ceudna air eolas ath-ùrachadh air gach glac agus coire, a b’abhuist da thaghall na òige ’nuair bu lùthmhor mo cheum, agus bu bheag a bha’n saoghal a cur air mo chridhe de chùram. B’àluinn an là ann an céitein an t-samhruidh, ’nuair a dh’fhalbh mi gun duine maille rium, le rùn fior mhullach na Beinne a ruigheachd, agus sealladh fhaotainn air dol fodha na gréine. Bha’n là san àm sin na fhad ’s na bhlàs, bha gach eun a ’seinn aig beinn ’s aig baile, agus obair na cruitheachd fo shòlas. Dhìrich mi o ghuala gu guala, o choire gu coire, gus an d’rainig mi ’n an t-àite san robh ’n àiridh ri m’ cheud chuimhne, bha làraichean nam bothan fhathast ri fhaicinn, bha crò nam meann na tholman uaine, an sòbhrach ’s an neònain a’ fàs air. B’aidhearach an sùgradh a b’àbhuist a bhi ’n so moch-thra agus feasgar an àm bleodhann na spréidhe; bha ’n t-alltan beag a’ siubhal gu séimh troi’n àilein, [TD 270] le torman co tùchanach ’s bu ghnà leis. Shuidh mi c’ar tamuill air a bhruaich ag iarruidh fionnachd na bhraonaibh tlàtha. Cha deach mi seachad air aon tobar a chaisg ìota m’ òige, gun fheuchainn, na air eas na leum-uisge gun seasamh air an cùl a dh’ fheuchainn an robh co liugha bogha-frois ri fhaicinn ’sa b’àbhuist. Mar so chaidh mòran de’n latha seachad, ach rainig mi fa dheireadh mullach na beinne. Shuidh mi ’m fasgadh an liath-chuirn a bh’air a mullach, agus dh’amhairc mi air an dùthaich ma’n cuairt, B’àluinn a beinnean ’sa srathan; B’éibhinn dath a gleanntain Bha tìr-mòr na Dùthcha ri m’ chùl, ach bha mach calg-dhìreach m’am choinneamh a chuid bu mhò de Innse-gall, an cuan mòr le chaoil ’s le luingeas, agus a ghrian ghlormhor fein a’ tearnadh o àirde nan speur ann an àilleachd an fheasgair. Cha robh Eilean eadar Caol Ila mu dheas agus an Caol Sgiathanach mu thuath, cha robh sliabh eadar Beinn an òir an Diùra agus a Chullainn ann an Eilean a Cheo nach robh gu soilleir am bheachd. Bha Muile dorcha le chaol mara mar abhuinn àluinn ag iathadh ma’n cuairt dà, dìreach fo m’ shùil,—Bha I nan Deòraidh le làraichibh briste, ann an uaigneas sàmhach r’a thaic, Staffa ainmeil le Uadh nan tonn mar dhùradan beag a mach air an fhairge; Tìri iseal an eòrna—Cola creagach—Eigg le sgùr ri speur,—’s an t-Eilean Sgiathanach bann-righ an iomlain, agus amach air an cùl gu leir an iomall na rioghachd, an t-Eilean fada mar mhìle sgeir, ag éiridh air aghaidh a chuain, smùid ghairdeachais aig éiridh o gach aon diu, ’nuair bha ghrian a’ siubhal seachad os an ceann, gam fàgail mìle de mhìlte na déigh. Bu diomhain oirp a thoirt air a choilion smuain a bha taitneach, agus tha dòchas agam a bha tarbh- [TD 271] ach, a dhùisg suas leis an t-sealladh so. Air a leithid so a dh’àm cha ruigear a leas an inntinn a chumail fo smachd, bu shonadh a bhiodh daoine na’n giulaineadh iad, measg ùinich agus othail na beatha so, caileiginn de’n aigneadh mhath sin, a tha uaigneas agus sàmhchair a shamhuil so de àite a’ tàrmachadh. Oir gu cinnteach mar is mò a thàirneas sinn air falbh o iorghuill an t-saoghail so, ’s ann is mò a ruigeas sinn air an fhonn spioradail sin, trid a’ bheil an t-anam air a chur air ghleus gu co’-chomunn àrd a chumail ri ’r n-Athair neamhuidh. Nam bu mhath leinn blasad air an aoibhneas so, cha bu neo-iomchuidh dhuinn air uairibh comunn an t-saoghail so fhàgail, agus a ràdh ris gach imcheist bhuaireasach a bhuineas dha, mar thuirt Abraham r’a òglaichibh, Fuirghibhse an so, agus theid mise suas a thairgse na h-iobairt. Bha ghrian a’ tearnadh gu luath, bha dath an òir air aghaidh nan speur; bha a leadan àillidh cheana sa chuan, an fhairge, mar gun b’ ann a’ dùnadh ma’n cuairt di. Is blasd a chainnt a chleachd Bàrd na Dùthcha so fein, ’nuair bha’n sealla so aige, math, a dh’fhaoidte, o’n mhullach cheudna, mar chi sibh san dàn a leanas. Ach bu dall sinne mar gabhamaid beachd a b’ àirde air an t-sealladh so na dh’ fhaodadh esan fhoglum o thuigse nàduir. An ti nach mothaicheadh o’n t-sealladh so, gloir an Ti naomh a chruthaich a ghrian, agus a sgeadaich an saoghal le uile àilleachd, bu bhochd gu dearbh a chor, agus cha chulaidh fharmaid a chridhe; oir gu deimhin bu ghlormhor an taisbean a bha’n so, air cumhachd agus maitheas De. Bhi mothachadh do’n ghairdein thréin sin air a bheil an domhan crochta, a’ fosgladh air an dara laimh dhiom, dorsa na h-oidhche do’n gréin, ga cuir a mach a shoìllseachadh taobh eil an t-saoghail, ’s a dhùsgadh na mìltean as an suain: ’s a bhi faicinn a ghairdein cheudna a’ togail na gealaich dhuinne na h-àite, an robh [TD 272] e comasach gun èigheach a mach, Is glormhor thus, O Dhe uile-bheanuichte, tha neamh agus talamh làn de d’ ghloir, a Thighearna nam feart, tha thu toirt dhuinne gach beannachd na thrà, agus cha’n’eil thu air àm sam bith gar fàgail fo ann-dòchas no dì. Chaidh a ghrian fodha agus shaoileadh tu gun robh an saoghal a’ caoidh: bha’n drùchd trom, mar dheoir na h-oidhche na déigh a’ braonadh gu làr. Dh’ fhalbh a ghrian, ach bha fhathast àirde nan speur air an òradh le gathannaibh àghmhor, a’ lubadh a nuas gu fann fhathast air an t-saoghal, ’s ga bheannachadh le eadar-sholas an anmoich. Bha’n ceo a sgaoileadh sios air an leachduinn, agus bha ’n t-àm dhomh nis am monadh fhàgail. Bu bheannuicht an t-sàmhchair a bha mach air feadh an domhain; bha còrr fhuaim ann ach cha bu chulaidh eagail na uabhais. Torman nan allt, mar bha iad a’ tuiteam leis an aoinidh o chreig gu creig,—sgriach na h-iolaire, ’si ’g iotailich air bile na creachainn, ag iaruidh a h-àil air an aisrigh chorruich; an fheudag ghuanach o thom gu tom, gogail a choilich ruaidh gam dhoichioll o’n bheinn, a chearc a’ gairm a h-àil fo sgéith, agus miogadaich nan gabhar ag iarruidh nam meann. O! cia lionmhor mìle beo-chreutair air feadh an t-saoghail, smaointich mi, a bha sa cheart àms’ a’ dol gu tamh fo shùl-choimhead an Fhreasdail sin a bha faire thairis oirre, agus a dh’ uimich àite taimh do gach aon aca fa leith. Tha sùile nan uile ort, O! Dhe, tha thu toirt doibh gach sochair na thrà. Agus ma tha Dia mar so a’ buileachadh orrasan na h-urrad de chùram, an dean e dearmad air mac an duine? Feuch, a deir Criosd, eunlaith an aidheir. cha chuir iad, agus cha bhuain iad, agus tha Dia gam freasdal, agus nach fearr sibhse gu mòr na iadsan? Eisd so, O! thus, air bheag creidimh, giulain na smuainte so leat do d’ leabuidh, earb thu fein ri Dia, leis an dòchas a tha ’g éiridh uatha, is bithidh do chadal taitneach. [TD 273] 115. Oisian do’n Ghrein an am Luidhe. AN d’ fhag thu gorm astar nan spéur A mhic gun beud is or-bhuidh ciabh? Tha dorsa na h-oidhche dhuit fein, Agus pailluinn do chlos san Iar. Thig na tonna m’ an cuairt gu mall, Choimhead an fhir a’s gloine gruaidh; A’ togail fo eagal an ceann, Ri d’ fhaicinn co aillidh a’ d’ shuain; Theich iadsan gun tuar o’ d’ thaobh: Gabhsa codal ann a d’ uaimh, A ghrian, is pill an tus le h-aoibhneas; Mar bhoisge greine sa gheamhradh ’Se ruith na dheann le raon Lena, Is amhuil laithe nam Fiann. Mar ghrian eadar frasaibh a’ treigsinn. Dh’ aom neoil chiar-dhubh nan spéur, Is bhuin iad ’n deo aoibhinn o’n t-sealgair. Tha lom gheugan na coill a’ caoidh; ’S maoth lusrach an t-sleibhe seargadh; Ach pillidh fathast a’ ghrian, Ri doire sgiamhach nan geug ùr, Is ni gach crann sa’ cheitean gàire, Ag amharc ’n àird ri mac an spéur. 116. Eachdrui mu Mhairi Nighean Ailein. ’S BEAG fios a th’ aig an darna duine, ciod e aon chuid, suaimhneas no doilghidios an duin’ eile. Gad a chi sinn coslais sòlais o’n leth a muigh, is aineol- [TD 274] ach sinn air gach aobhar mi thoileachas inntinn a th’ anns a chridhe. ’S lionmhor iadsan a tha giulan sgéimh an lathair dhaoine, aig a’ bheil an cridhe dubhach, ’s an inntinn leointe, arson mearachdan an òige. Mearachdan, math a dh’ fhaoidte, a dhi-chuimhnicheadh leis an t-saoghal, ach a tha sìor chràdh anama nan daoine a tha ciontach dhiubh, ’s a’ fàgail am beatha mi-shonadh. B’ ann diubh so sean Mhairi nighean Ailein. Eisdibh a sgeul na briathraibh fein. ’S goirt a dh’ fhuiling mi, deir ise, ’si tarruing osna throm, ’s a’ tiormacha suas nan deur, arson mo Cruthai’ear a dhi-chuimhneachadh ann an làithibh m’ òige; agus is beag a thuigeas neach eile na chrean mi air a shon. Bha mo chionta follaiseach do’n t-saoghal, ach co a dh’ fhidireadh am mulad agus an tàir a thainig orm na lorg. Cha robh de chloinn aig mo mhuinntir ach mis’ agus nighean eile; bha iadsan, mar theirear, na’n cuideachda chòir shuilbheara, fo dheagh mheas san dùthaich. Bha eolas aca, a réir a chothrom a bh’ ann r’an linn, ach cha robh an cothrom san àm sin mar tha e ’n diugh. Na bh’ aca fein bhuilich iad ormsa; ach mar thachair do iomad aon, bha ’m beusan os ceann an eolais; agus an togradh gu bhi dleasnach os ceann am fiosrachadh. Iadsan, deanadach, neo-chealgach iad fein, aineolach air cuilbheartaibh an t-saoghail, agus fuathach air an olc, bha iad am barail gun robh muinntir eile firinneach mar bha iad fein; agus na lorg so cha do chleachd iad an t-saothair a bha iomchuidh chum mis a chuir air m’ fhaicill an aghaidh cuir agus cealgoireachd dhaoin’ òga; agus na mearachdan lionmhor sin gan robh mo leithid buailteach. Arson aon eolas a bh’ agam air stéigh agus firinnibh a chreidimh anns an deachaidh m’ àrach, cha b’ eolas e a rinn feum dhomh. Cha’n ann o eagal no o ghaol do m’ Chruthai’ear a bha aon chuid mo dheagh bheusan a’ sruthadh, no mo sheachnadh air an olc a’ teachd; ach a chionn [TD 275] ’s nach robh mi gabhail tlachd ann am mi-bheus, no gun robh eagal nàracha saoghalta gam’ chumail air m’ ais. Cha robh mi aon chuid comharaichte arson giulan suidhichte, no air mo shònrachadh arson eatromais. Far an cruinnicheadh an òigridh, b’e mo thlachd a bhith; aig an tigh no uaithe, air là sàbaide no seachduin; agus feumaidh mi aideachadh nach robh mi co faicilleach air na h-àmaibh sin ’sa thige dhomh, gu h-àraid ann an taghadh mo chuideachda; ni a bha na aobhar air a cheann fa dheireadh, mis a tharruing gu masladh agus mi-chliu; agus a rinn gus an là’n diugh mo bheatha searbh. Bha mac Coimhearsnaich san aon bhaile rium, m’am aois fhein, fleasgach tlachdmhor, a bha taghall mo chuideachd o chionn bliadhna no dhà. Cha robh teagamh agam na ghaol,—a bha e dearbhadh le ghiulan sìobhailte agus le shaor gheallaine. Anns gach seadh bha sinn ’nar làn choimpirean, agus o’n a bha tlachd againn de chàch a chéile, cha robh aon neach aig an robh toil cuir eadaruinn. Lan shonadh annainn fhìn, bha gu mi-shealbhar, dàil ga chuir o àm gu h-àm, ann an là ar pòsaidh gun fhios c’arson; ach ’s e thainig as gach dàil agus gealladh gun deuchaidh mis a mhealladh, agus an sin mo thréigsinn. Sibhs’ a mhain a bh’ air cho-shuidheacha riumsa, a làn-thuigeas mo dhosguinn, ri linn mo nàire dheanamh follaiseach ’s mo leannan ga m’ fhàgail. Bha mo phàrandan fo dhuilichinn mi dhol am mearachd; mi mhilleadh m’ fhortain, agus mi chall mo mheas; ach cha robh iad a’ toirt fainear do’n acaid a chaidh ann am chridhe-se o’n là a’ ghéill mi do’n bhuaireadh, nach deachaidh agus nach d’ theid as. Dh’ fhalbh mo thlachd agus mo thoileachas inntinn, gun fhois gun tàmh a là na dh’ oidhche, a’ cur iomchuir air mo shochair fein agus gu sonraichte air a chealgoir a mhasluich, agus a dh’ fhàg mi air faondra. Bha m’ fhuil air ghoil le an-teas cràidh, bha mo chridhe briste le [TD 276] nàire, fhuair peacadh làmh ’n uachdar orm co mòr ’s gun d’ fhàs mo bheatha na h-eallaich dhomh. Bha m’ inntinn air a tuairgneadh le smaointibh an-diadhuidh eagallach; ann an teum buairidh chuir mi nithe romham a tha toirt goirisinn orm, ach cha do leig an t-Athair Naomh co fad air m’ aghaidh mi. Tha agam ri thoirt fainear fad na h-ùine so, gad a thruaill mi mo choluinn, gad a thug mi tàmailt air m’ aidmheil, gad a bhrist mi àitheanta an Tighearna, gidheadh ’s mò bha mi faireachduin masladh an t-saoghail na iad sin uile. ’Se so a rinn mo chor cho fhior mhuladach, nach robh tuigse sam bith agam air truaillieachd a pheacaidh na dhuaichneachd nàdurra, mar an dochoir bu mò an aghaidh Dhe, agus an t-Slanuighear, agus a mhi-thaingeileachd bu ghràineile an aghaidh na tròcair agus a ghràis sin a thug esan a dh’ ionnsuidh an t-saoghail a dh’fhulang arson pheacach. Dhlùthaich orm m’ ùine—chaochail an leanamh na òige, agus aon fhocal cha d’ fhiosraich athair ma thimchioll, Na dh’ fhuiling mis air an àm sin, o gheur-agartas coguis, o nàir agus cràdh cridhe; aineolach air mo Dhia, ach mar bha e na Dhia dioghaltach ann an corruich ’am aghaidh, agus gu h-iomlan aineolach air an doigh gu pilleadh air m’ ais ris ann an Criosd, nach b’ aithne dhomh ach air ainm, cha ruig mi leas air an àm aithris, agus gu dearbh cha bu chomasach a dheanamh. Gloir da ainm nach do ghearr as mo bheatha san àm sin. [TD 277] 117.—EARRANN II. O’N a chaill mi mo mheas am dhùthaich, chuir mi romham dol do’n Galltachd a dh’ iarruidh cosnaidh. An diaigh ioma cruadal agus trom sheirbhis, dh’ amuis orm fa dheireadh deagh thigh cosnaidh anns an do thuinich mi. Ann an ceann ùine bheag bha toiseach aig m’ inntinn air socrachadh, agus mulad mo chridhe bhi air eatromachadh, ach socair na sìth iomlan cha robh a’ feitheamh ormsa o mhaduinn an aon là. ’Se Dia na fhreasdal a sdiùir mi do’n teaghlach so, ’s ann ann a fhuair mi cheud eolas tarbhach air firinnibh an t-Soisgeil; ach do réir coltais cha robh mi fhathast air mo làn irisleachadh. Ann an ceann beagan ùine thainig seirbhiseach gae’lach a dh’ ionnsuidh an tighe, òganach suairce, ceanalta, glic na ghiulan agus a’ teachd beo ann an eagal De. Le sinn a bhi le chéile ’nar Gaedhil thàlaidh sinn an toiseach gu caoimhneas, agus o sin, mar is tric a thachras, ri ùine, gu trom ghaol taobh air thaobh. Bha gne fhaicill agam air mo cridhe, ann an earalas nach rachadh mo mhealladh an darna h-uair; ach so cha ruiginn a leas, oir cha robh na bheachd ach firinn agus onoir. Thainig a chùis so co fad air a h-aghaidh sgun do shuidhich sinn latha chum pòsaidh. ’S ioma cath cruaidh a bh’ agam a’ m’ inntinn fein san àm sin. Bha esan fathast aineolach air mo mhi-shealbh; cha robh do mhisnich agam na dh’ innseadh e, is cha dùraiginn dol air m’ aghaidh ’sa chleth. Bha so ga m’ leon, ach nach e toradh a pheacaidh gu bheil a thruaighe na lorg fad uile làithe ar beatha.—Bha’n là a dlùthachadh sam b’ eiginn an dara cuid a dheanamh, fios a thoirt dhasan air sgeul mo nàire, no gabhuil air adhart le foill. Tha dòchas agam gun robh mi nis ni b’ eol- [TD 278] aich air mo dhleasnas do m’ Dhia, no gun rachainn air m’ aghaidh le ceilg. Faodai mi a ràdh gun d’ iarr mi sdiùradh Dhe, agus ’s ni a thachair nach robh mi ni b’ fhaide san iomchomhairle. Agus chuir mi romham, ga b’e air bith a thachradh, gun innsinn an fhirinn a cheud chothrom a gheibhinn; ach chuir mi dàil ann an so tuille ’s fada. Thachair dhàsan dol o’n bhaile, far an d’ amuis fear eolais air a dh’ innis da mar bha. A cheud shealladh a fhuair mi dheth thuig mi mar thachair; dh’ fhalbh a shuilbhearachd, ’s bha ghnùis fo smal. Dh’ innis e dhomh gu’n cual e sgeul m’ am thimchioll a chuir doilgheas agus briste cridhe air; nam bithinn air leige m’ inntinn ris, gun a bheag a chleth, nach robh fhios aige ciod a dh’fhaòdadh tachairt; ach cia air bith co goirt a nis sa bha chridhe, nach dùraigeadh e tuille comuinn a bhi aige ri aon a thug oirp air a ghlacadh le foill. Cha robh e m’ chomas cur an aghaidh na thuirt e. Thréig e mi ’s cha b’ urrainn domh coire chur air: Ach chuir so mise gu dubhachas, a tharruing mo cholainn gu euslainte agus m’ inntinn gu liunn-dubh agus bròn. Dh’ fhaillnich mo shlainte, air chor ’s gum b’ eiginn domh mo dheagh sheirbhis fhàgail, agus tille dhachaidh gu h-airtneulach trom do’n dùthaich. Fhuair mi mo shean phàrandan beo, ach air fàs gu lag anfhann; ghabh iad rium le caomhalachd agus carthannachd; ach bha mise car bliadhna no dha a’ seargadh as, a dh’ aindeoin gach caoimhneas a ghnàthaich iad. An fhad so fhathast ’se masladh an t-saoghail agus am bristeadh a thug mi air m’ fhortan is mò a bha cur orm. Bha mi gun amharus fo gheur-agartas coguis, cha robh aon ghath sòlais a’ dealradh air mo chridhe, agus cha robh aon steigh dòchais agam air an socraichinn m’ inntinn thruagh arson an t-sìth agus maitheanas peacaidh a bha co mòr a dhi orm. Ach bha Dia tròcaireach, agus chunnaic e mo staid. Sheol e mi far an cuala mi focal na slainte, far an do sparradh [TD 279] orm creidsinn ann an Criosd a dh’ fhaighinn maitheanas peacaidh, a chaidh a cheannach gu daor, ach a bha nis gu saor ann am thairgse. Thuig mi gun robh gràdh neo-chriochnach ann an Criosd; chaidh mo thoirt gu bun a chroinn a cheusaidh; thug an Spiorad Naomh comas domh amharc air-san a lot mi le m’ pheacaibh; agus ’s ann an sin a rinn mi bròn, ’nuair a leagh a ghràdh fein mo chridhe, ’s a thainig aitibh chum aithreachais air m’ anam. ’S ann an sin a mhothaich mi gun robh mo bheatha gu leir peacach. Chunnaic mi mo mhearachd gu soilleir, ann an cuir suas eagal dhaoine peacach mar mi fein, an àite eagal an Ti naomh sin, leis an gràineil gach lochd agus truaill’eachd; agus mo ghòruich ann an oirpeachadh sìth agus sonas a ghlacadh o nithibh siubhlach, carach na beatha so, ’nuair bha mi gun mhothachadh air mo pheacadh, na gun iompachadh chum Dhe. Roimhe so cha robh smaointeach agam ach air an aon pheacadh, agus am masladh san truaigh bha na lorg; ach a nis fhuair mi mothachadh spioradail air mo pheacaidh dhìomhair, air m’ ana-creidimh, mo mhi-thaingealachd do m’ Shlanuighear, an tàir a rinn mi air a spiorad le dearmad air a chòmhnadh asluchadh; air a shon so uile bha mi air m’ irisleachadh, agus fhuair mi gràs gu dlùthacha ris le creidimh seasmhach, slainteil a dh’ aisig dhomhsa sìth nach comasach aon chuid do’n t-saoghal a bhuileachadh no thoirt air falbh. B’fhearr gun tuigeadh iadsan nach do thuit fhathast mar rinn mise, an sonas a tha iad a’ sealbhachadh, agus gu’n creideadh iad uamsa gach tàir, tàmailte, agus beum a tha tighinn an lorg a pheacaidh so; tha iad a’ call am meas aig a bhail agus uaithe; a’ fulang dimeas an cairdean, agartas an coguis, agus amharc sios an t-sluaigh. Gad is mòr a dh’fhuiling mise, ’se mo chulaidh-bhròin an àireamh lionmhor a tha anns gach dùthaich a thuit sa chionta cheudna, ach nach d’thug riamh fainear ann an seadh ceart [TD 280] graineileachd a pheacaidh ann an sealladh Dhe. Faodaidh iad so miann an cridhe fhaotainn, agus a bhi gu socair aig deagh fhear pòsda, ach ga b’e co caoimhneil ’sa bhitheas e, thig air uairibh nithe eatorra chum an sgainnil so a thilge suas doibh; agus cha bhi gu là bhràth an t-aon mheas oirre ’s a bhios air boirionnach a ghleidh a teisteas agus a deagh chliu. ’Se mo ghuidhe dùrachdach gu’n gabhadh gach aon a chluinneas mo sgeul rabhadh o m’ fhulangais, agus mar is miannach leo beatha shona, agus bith-bhuantachd shòlasach a mhealtuinn, gun cuimhnicheadh iad an Cruithi’ear an làithibh an òige, agus gun seachainn iad am peacadh sin a dh’fhàg mo bheathasa searbh, agus a choisinn domh a choilion osna agus deoir. 118. Co’-fhurtachd ann an Criosd. Do neach fo smuairean, le Dia bhi’n gruaim ris, ’Sa lochdan uabharr ga chuairteach dlù; Gun fhios nach àite dha ifrinn chràiteach, Man tig am maireach, ’sam bàs ’na shùil. Do neach a dh’ fhoghlum o’n Spiorad Naomha, Gur sonas baoth bheir an saogh’l so uaith; Nach’eil ann ach sgàil dheth san àm tha làthair, ’S gum bac am bàs e nach fàs e buan. B’e sgeul an àigh e air beath’ is slainte, O Iosa bhàsaich ’na ghràdh do dhaoin: ’Si fhuil an t-slaint anns a bheil an tàbhachd. ’Nuair theid a càramh gu bàigheil caoin, Ri cridhe leòinte, gun ghean gun sòlas, Ach doilich, brònach, gun seol air sìth; [TD 281] Le Spiorad uasal nam fearta buadhar, ’Nuair thig e nuas air le gluasad mìn. A Dhe na sìothchainnt, craobh-sgaoil an fhìrinn, ’Measg slòigh nan tìrean, ’s nan innsean cian; Mar dhaoin air chall, ann an ceo nam beann iad, An oidhche teann orr’, iad fann gun bhiadh. Thoir solas gle ghlan, thoir rathad rè dhoibh, Is cridhe gleusd a thoirt gèill do’n Uan; Thoir sgeul do shlainte, thoir fios do ghràidh dhoibh; Cur feart do ghràsan ’nan dàil le buaidh. 119. Mu bhuaidh Chriosd. ’Nuair bhuidhinn mo Righ a bhuaidh, ’Sa thug e suas mar iobairt fhuil; Chriothnaich an talamh fo bhonn, ’S air a ghréin bu trom an smal. Dh’ éirich na mairbh as an uaigh, Sgoilt an teampull le fuaim ghrad; Crith-thalmhuinn, ’s dealanach gheur. Chaill na speuran fein an dreach. Bu bheag an t-ìoghnadh uabhas borb, Thighinn le stoirm air feadh an t-sluaigh; ’Nuair a dh’ àicheadh iad aon Mhac Dhe; ’S ann a cheus iad e gu h-uaigh. B’ éibhinn éisteachd guth nan naomh, A’ séinn ciùil air teuda deich; Ag altuchadh a bheatha fòs, ’Sa toirt gloir d’a threòir, ’s d’a neart; A thug buaidh air uaigh, ’s air bàs, A sgrios a naimhdean as a chùirt, [TD 282] A’ cur oifigean fein an gniomh, ’S ag ullachadh na rioghachd dhuinn. Gloir do’n Athair, ’s gloir do’n Mhac, Is gloir do’n Spiorad neartmhor naomh; Na trì pearsa, ’s an aon Dia, Sud e’n Triath sa’ bheil mo dhùil, 120. Ma’n dòigh san do chaochail Iarla Earra’ghael a chuireadh gu bàs anns a bhliadhna 1685 air an treas-là-deug de Mhios meadhoin an t-Samhruidh. CHA’N’EIL fhios gun do thaisbeanadh riamh am barrachd suidheachadh, agus moralachd inntinn na nochda leis an duine mhòr so an àm dha dol gu bàs. Ma’n d’fhàg e Caisteil Dhuneidin air an là an do chuireadh gu bàs e, ghabh e dhinneir aig uair ghnàthaichte, le buidheann d’a luchd-eolais, co neo-smuaireanach ’s a b’àbhaist da. A réir a ghnà chaidh e luidhe, agus choidil e gu soisneach mu thimchioll leth-uair. Am feadh a bha e na luidhe, thainig aon de’n Chomhairle aig an robh toil guth fhaotainn de’n Iarla, ris an dubhradh, nach faodadh e fhaicinn a chionn gun robh e na luidhe, agus gun d’àithn e gun dragh a chuir air. Smaointich an duine nach robh ’n so ach leith-sgeul, agus thuirt e le tinneanas gum b’eiginn da fhaicinn. Dh’fhosgail iad dorus an t-seomair, agus chunnaic e an t-Iarla na chodal co ciùin shàmhach ’s a chunnaic e aon duine riamh, gad a bha e dol gu bàs an ceann beagan uairean. Air dha bhi air a ghlacadh le uabhas le ghnàthacha fein, agus a chuid eile de’n chomhairl’, [TD 283] a dhìt an t-Iarla gu bàs, ruidh e mach as a Chaisteal, gu tigh caraid a bha dlù dha, agus thilg e e fein, ann an cruaidh-ghleachd eagallach anama, na shìneadh air leabuidh. Thug a charaid gloin fhìona d’a ionnsuidh, a’ smaointeacha gun d’thainig laigsinn air le tinneas. Dhiult e i, ag ràdh, Uam e, Uam e, Cha dean sin bonn stà dhomh; chunnaic mi air a cheart àm so an t-Iarl’ aodhrach, ann an trom shuain, a tha mar uair no dha do shiorruidheachd. Ach air mo shonsa—dh’fhartluich air tuille ràdh. Beagan an diaigh so dh’fhàg an t-Iarla ’n Caisteal, agus chaidh e sios do thigh a Mhòid far am bu ghnà do luchd na Comhairle cruinneachadh; agus uaithe sin chum an àite san robh e ri fulang. ’Nuair a dhìrich e suas air, bha beagan cainnt eadar e fein agus dà Mhinisteir a bha fritheala dha. Rinn iad le chéile urnuigh air a shon, agus cho’-aontaich e fein le mòr dhùrachd le’n guidhe. Rinn e fein an sin ùrnuigh. Na chainnt do’n cho’-chruinneachaidh shluaigh a bha làthair, thuirt e nach bu chòir dhuinn tàir a dheanamh air ar deuchainnibh, na fannachadh fodhpa ’nuair a thigeadh iad. Agus nach bu chòir dhuinn labhairt gu garg an aghaidh luchd ar dian-ruagaidh, no le sodul cealgach oilbheum a thoirt d’ar coguis fein. Chuir e suas urnuigh as leth Albuinn agus Eirinn, a’g guidhe grad chrioch a thighinn air an àmhghar a bha iad a’ fulang. Le so chuireadh e crìoch air na bha e dol a ràdh; ach chuireadh na chuimhne, nach d’thug e iomradh air an teaghlach Rioghail; thuirt e gun do labhair e uime sin an là a chaidh a dh’fheuchainn; ’s nach robh nis aig ach a ràdh, gum b’e dùrachd anama gun seasadh iad ris a chreidimh Ath-leasaichte. Na dhiaigh sin thionndaidh e riusan a bha ma’n cuairt da, agus thuirt e, “Tha dòchas agam nach toir sibh barail mhearachdach air mo ghiulan an diugh; mar tha fiuthair agam fhìn ri maitheanas, tha mi gu saor a’ toirt maitheanais seachad.” An sin ghlaodh aon [TD 284] de na ministirean le guth àrd, “Tha ’m flath treun so a’ dol gu bàs sa Chreidimh ath-leasaichte;” Cha robh ni ’s leoir leis an Iarla an sin, ach ghlaodh e fein a mach “nach e mhàin gun robh e deanamh sin, ach gun robh mòr fhuath aige air Pàpanachd, air an Eagluis-Shasunnaich, agus air gach gne shaobh-chràbhadh. Ghabh e’n sin a chead d’a chairdibh, agus thug e càileiginn de chuimhneachan bàis ga chliamhuinn, am Mor-’ear Maitland, a gheibheadh a nighean agus a clann. An déigh dha urnuigh ghearr a chur suas, thug e ’n sanus air an do shocraich iad seachad do’n fhear aig an robh ’n tuadh-mhillidh na laimh, agus le aon bhuille bhuin e ’n ceann deth. B’ amhuil so crioch dheireannach an duin’ ainmeil so. Gun robh an suidheacha sonadh ceudna aig inntinn gach aon a chàirear ann an aon linn na dùthaich, gu fulang le geur-leanmhuinn ann an cor co uabhasach agus co glormhor! 121. Cumha do’n Iarla cheudna. THA sgeul agam dhuibh ra innse, ’S cha chùis ghaire, Gu’n d’ chuireadh ceann taice na’n Gàidheal, An staid iosail. Co chumas còir ris an anfhann, ’S e na chruadhaig, No chumas casg air gach anag-na, Tha teachd nuadh oirn. [TD 285] Co chumas còir ris an Eaglais, Dh’fhàs i dorcha, No chumas a suas luchd-teagaisg, Ris na borbaibh. Co chumas an creideamh cathara, Suas gu treorach, ’S nach d’fhuair Gilleuspaig ceud éisteachd, An taic còrach. Co chumas taigheadas greadhnach, Gu buan faoilidh, ’S nach taghail an t-Iarla Duibhneach, ’S an dùn-aorach. Roghain na’n Albanach uile, De’n àrd fhine, A dhaoine na’m biodh spéis do dhuine, Bu bheud a mhilleadh. Iarla duais-mhor Earraghaidheal, Garg an Leoghan, Ba mhòr an cridhe dh’fhearaibh Albann, Fhuil a dhòrtadh. Dhaoine ge do fhuair sibh àite, Os ceann Cùirte, ’S olc a chuir sibh gliocas Alba, Gu sùrd mhillte. Ge do strachd sibh còir gun cheartas, ’N taichd bhur mio-rùin, Theaga gun tig là nach fhasadh, Dhuibh da dhìoladh. [TD 286] 122. Mu Imrich nan Eun. “SEADH, is aithne do’n chorra-bhàin anns an athar a h-àm fein, agus is aithne do’n choluman, agus do’n chorra-mhonaidh, agus do’n ghobhlan-ghaoithe àm an teachd;” Ieremiah. Cha’n’eil e comasach smaoineachadh air an tuigse nàduir a bhuilich Dia air na h-eunlaith, gun bhi air ar lionadh le iongantas, agus de gach tuigse tha aca, cha’n’eil ni is aithrigh air beachd, na mar theid cuid diubh o thìr gu tìr air àmaibh sonraichte. Gad a tha iomaduidh seòrs’ againn san t-sàmhruidh cha mhòr a dh’ fhuirgheas againn fad a gheamhruidh. Cha luaithe a thòisicheas am fuachd ri teachd na dh’fhalbhas a Chuag, an Gòlan-gaoithe, an Liath-truisg, a Chorra-riathach, agus iomad seòrs’ eile. Itealaichidh iad air falbh do dhùthchaibh is fearr a fhreagras doibh; agus anns an am cheudna thig eoin eile oirn o rioghachdan is faide mu thuath n’an dùthaich againne. Tha da ni ro-chomharaichte san imrich so. ’Se cheud ni gun tuigeadh na creutairean sin an t-àm is freagaraiche dhoibh gu falbh agus gu tighinn; agus ’se ’n ni eile, Gum biodh fhios aca c’àite ’m bu chòir dhoibh dol, agus ciod an t-slighe bu chòir dhoibh a ghabhail. Tha e air a thuigsinn gu bheil aig eoin na h-imrich so sgiathan, agus cumadh a tha gu h-àraidh freagarach arson dol air asdar fada. Agus tha e ro-shonraichte gu bheil iad air na h-àmaibh so a’ leige ris gliocas agus riaghailt a tha cur mòr ìoghnadh oirn. Mhothaicheadh ann an cuid de Dhùthchaibh gu’n cruinnich iad nan sgaoithibh lionmhor, as gach cearnaidh de’n tìr, ann an àiteachaibh fa leth a réir an gne, beagan ùine ma’n gabh iad an turus, mar gum biodh iad a’ deanamh suas ri cheile ma’n àite chum an robh iad a’ dol; agus falbhaidh [TD 287] iad an sin le aon fheachd, agus gun sdiùir gun chòmbaist san oidhche dhall dhorch, thairis air chuantaibh, agus rioghachdaibh, do na dùchaibh is iomallaiche. Tha turus na’n Giadh agus nan Tunnaga fiadhaich, aithrigh air beachd sonruichte. Falbhaidh iad nan dà shreith a’ coinneachadh air an toiseach, mar gum biodh geinn ann. Tha ’n t-aon is toisiche a ’gearradh an àile do chàch; ’s an uair a bhios esan agus an dithis a tha na dhiaigh sgìth, theid iad a chum an deiridh, agus gabhaidh triùir eile an àite. Tha e air a mheas gu bheil cuid diubh so a ni dà cheud mìle an aon là, ’s gun a bhi air iteig ach sèa uairean. Anns an imrich so tha maitheas agus freasdal De ro-shoilleir. Nach furasd fhaicinn a chaomh thròcair dhoibh ann an solar lòin, air an son agus gan sdiùradh far a bheil so ri fhaotainn, ’nuair tha e faillneachadh orra an àite eile. Tuigeamaid uaithe so gu bheil gach ni ann an rioghachd an Uile-chumhachdaich air a shocrachadh le gliocas neo-mhearachdach, agus maitheas neo-chriochnach. Tha’n t-eun is faoine san ealtuinn fo chùram Dhe. Smaointicheamaid air a so, agus gabhamaid nàire arson ar n-an-earbsa, ar teagamh, agus ar n-iomaguin. Easan a tha seoladh a mach slighe do na h-eoin, nach mòr is mò na sin a ni e dhuitse, O! dhuine, air bheag Creidimh? 123. Mu philleadh an t-Sàmhruidh. BITHI’ greann dubh air cuid mhòr do’n Roinn-eorp, O lagaich sgiamh òrdha do theas, Do shòlus bu shòlas ro mhòr, Air fradharc air lòchrann geal deas; [TD 288] Ach ’nuair thig e go geinmni a rìs, S a lainnir ’s gach rioghachd gu’n cuir, ’S buidhe soilsein na’n coirein ’s na meall, ’S riochdail fiamh na’n òr mheall air a mhuir. ’S theid gach sàlmadoir ball-mhaiseach ùr, An crannaig chubhrai chraobh-dhlù-dhuilleach chas, Le’n seol fein a sheinn laoidh ’s a thoirt cliu, Chionn an sàmhradh a philleadh air ais: Gu’m bi coisir air leith anns gach gèig, An stacaibh èibhinn air réidh-shlios na’n slat, A toirt lag iobairt le’n ceilir’ d’ an triath, Air chaol chorraibh an sgiath anns gach glaic. Cha bhi creatair fo chupan nan spéir, ’N sin nach tiunntaidh ri speurad ’s ri ’n dreach, ’S gu’n toir Phèbus le buaghan a bhlàis, Anam-fàs doibh is càileachdain ceart; ’S ni iad aiseiridh choitcheann o ’n uaigh, Far na mhiotach am fuachd iad a steach, ’S deir iad (le ceileiribh binn, Dh’ fhalbh an geamhradh ’s tha ’n sàmhradh air teachd.) 124. Iain Gilpin. IAIN GILPIN bha ’na bhùirdeasach, Bu mhòr a chliu ’sa ni; Gun robh e uair na cheannard-ceud, Am baile mòr an righ. Thuirt bean Iain Gilpin là ri gràdh, M’ aighear thu ’s mo chiall, [TD 289] Ged tha sinn fichead bliadhna pòsd, Cha do ghabh sinn là féill. ’Se màireach là co’-ainm ar bainns’ Theid sinn gu sùgradh mach, Sios gus an ruig sinn Edmonton, ’An carbad an dà eich. Mo phiuthar is a leanamh mic, Mi fhìn ’s mo thriuir le chéil, ’Sa charbad theid, is leanuidh tus A’ marcachd as ar déigh. A bhean mo ghaoil, gun fhreagair e, Dhuit fein gun d’thug mi gràdh, Os cionn gach te a ta fo’n ghréin, Is gheibh thu mar is àill. Tha mis am mharsonda gu beachd, Mar is aithne do gach neach; ’S mo charaid math Tom Callander Bheir iasad dhomh d’a each. Piseach ort, ars is’, a ghràidh, Is o’n tha’m fion co daor, Gun d’thoir mi leam mo shearrag fein, O tha e math, a’s saor. Thug Iain sgailce pòige dh’ i Mar b’ àbhuist leis gu tric; Oir bha e subhach toilichte, I bhi co crionna ghlic. Thainig an carbad ’nuas gu moch, ’Sa mhaduinn mar a gheall; [TD 290] ’S air falbh na dheann-riuth ghabh e leo, Roi eabar, is roi pholl. Bu shiubhlach luath na cuibhleachan, ’Sa chuip mu chluas nan each, Le gleadhraich shaoileadh tu gun robh, An causair as a bheachd. Sheas Iain Gilpin taobh an eich, Is ghlac e mhuing gu deas; Ach ’s gann a fhuair e suas gu h-àrd, ’Nuair b’ eiginn teachd air ais. Cha luaithe ràin’ e’n diollaid shuas, Le thulchainn air an each, Na chunnaic e triùir cheannaichean, D’a bhùth a’ dol a steach. Theirinn e ’s cha b’ann ga dheoin, Oir bha e dian gu falbh; Ach cha dùraigeadh e le sannt An sgillinn ruadh a chall. Bu mhàidheanach na ceannaichean, Bha treis m’an robh iad rèidh, ’N sin Beati ghlaodh i mach gu h-àrd Dh’ fhàgadh am fion ’n ar déigh. A nall e, ars’ Iain, ’s math an t-àm, Thoir dhomh a nuas mo chrios, Crios leathrich mo chlaidheamh ghéir, ’Nuair bha mi m’ shaighdeir deas Bha aig a mhnaoi, bean mo ghaoil! Da shearrag, laidir ghlas, ’S am b’àbhuist di an deoch a b’ fhearr A chumail teann fo ghlais. [TD 291] Bha aig gach searrag dhiu fa leth, Da chluais tre’n deach an crios; Chroch e iad mar sin ri thaobh, Fear dhiu air gach leis. Na dhiaigh sin a chum ’s biodh E sgeadaichte le sgoinn, A chleoca maiseach sgarlaid ghabh, Is thilg e air a dhruim. Faic e nis na dhiollaid shuas, Air muin an steud-eich dhuinn, Ag imeachd air a chausair chruaidh Gu socrach, is gu ciùin. Ach ’nuair a fhuair e’n t-slighe réidh Fo bhrogaibh cruidheach cruaidh, Le sitrich dh’ fhalbh gu trotan garbh A rùisg màsan Iain thruaigh. Gu réidh, ars Iain, deas dé eich dhuinn Ach labhair e gun fheum, O throtan chaidh gu dian-ruith luath, Gun suim do mhuiseal sréin. Chrom e sios mar dh’ imearas iad Nach urrainn suidh suas; Ghlac e muing an eich gu teann, ’Se dol a nis na luas. Air falbh chaidh Iain na shrada dearg, Air falbh chaidh ’n ad ’s a ghruag; Is beag a shaoil an duine còir A dhol air leithid de ruaig. An t-each a mhothaich air a dhruim, Uallach co deacair ùr, [TD 292] Theich e le geilt, ’s mar theich e dh’fhàg E’n saoghal air a chùl. Chaidh coin gu tathunn, ’s clann gu scriach Bha cinn a mach nan ceud, Is ghlaodh gach aon a chladhaire, Is tu fein an gille steud. Air falbh chaidh Iain, cò ach e? Na mìltean air a thòir, “Is réis tha’n so! ’s cha lugha ’n geall,— Na mìle bonn de ’n òr.” ’S a nis ’nuair dhluthaich e gu dian, Air luchd na cìse cruaidh, An tiota thilg iad fosgailte A chachaileadh gu luath. ’Nuair chrom e sios os ceann an eich Le cheann na smùidibh teith, Bhuail an dà shearraig air a chùl, Is spealg nam mìle bloidh. Bu mhuladach an sealladh so, Am fion dearg mar dhòirt, Thug smùid a cliathaich an eich dhuinn, Mar cheithreamh muilt-fheoil ròist. Gidheadh bha e mar mharcaiche, A ruidh na réis le chrios, Is amhach an da shearraig ghlais, Ag udal air a leis. Mar so roi bhaile Islington, Faic e le mire triall, Is fòs a suas roi Edmonton, ’Sa stigh feadh lub nan giadh. [TD 293] ’S ann an sin bha phlubardaich, ’S an t-each a’ diulta smachd, Mar sgaoth de gheòidh no thunnagan Gan lubradh fein le tlachd. Aig uinneig ann an Edmonton, Gun sheas a bhean a suas, Is chunnaic i dol seachad e Le iongantas r’a luaths’. “Stad, stad, Iain Ghilpin, so an tigh! Gun d’ ghlaodh iad uile ris, Tha’n dinneir réidh, ’s tha sinne sgìth,” Cha lùgh, ars Iain, tha mis! Ach ’s beag an t-suim a ghabh an t-each, Do ghlaodh nam ban gu leir, Bha prasach mhath a mhaighstir Deich mìl’ air falbh aig Ware. Mar shaighead luath o lamh an treoir O’n iughar righinn chrom, Gun theich an t-each, ’sa so ga m’ thoirt Gu darna leth mo dhuain. Air falbh chaidh Iain le séideadh àrd ’S gu dearbh cha b’ ann ga dheoin, ’S aig dorus tighe Thom Callander, Gun sheas an t-each fa’dheoidh. ’Nuair chunnaic esan e mar so, A’ teachd gun ad no gruag, Thilg e phiob thombac air falbh, Is ruidh e mach gu luath. “Do sgeul, do sgeul!—thoir domh do sgeul’ Do naigheachd innis domh, [TD 294] C’arson a tha thu ceann-ruisgte? C’arson a tha thu’n so?” Bha Iain làn de fheala-dhà, De shùgradh beag, ’s do chleas, ’S mar so ri Tom Callander, Gun fhreagair e gu deas. “Tha mis an so, oir thigeadh t-each, ’S mar ’eil mi’m fhàidhe bréig, Bi’dh m’ ad ’s mo ghruag’an so gun dàil; Oir tha iad as mo dhéigh.” Bha sòlas air Tom Callander, A charaid bhi co ait, ’S cha dubhairt e tuille ris san àm, Ach thill e stigh gu grad. Is amach gun dthug e ad is gruag, Gruag mhòr nan dualan cruinn, Is ad is gann a chuir e riamh Seachd uairean air a cheann. Chum e suas iad is thuirt e Le fealla-dhà na chainnt, Is mò mo cheann da uair na d’ cheanns Is theid iad ort gun taing. Leig dhomh an t-eabar sin sam poll A ghlanadh bhàr do ghnùis; Fuirich ri biadh, oir ’s cinnteach mi Gu bheil thu call do lùis. ’Se so, ars’ Iain, co’-là mo bhainns’ ’S bu sgeigeil e ri ràdh Gun itheadh mo bhean aig Edmonton Is mis ’an so fo phramh. [TD 295] An sin labhair Iain ris an each Tha cabhag orm gu m’ bhiadh; Air t-àilleas thainig mis ’an so, Is théid thus’ air t-ais ga m’ riar. O! Bòsd an tubaist a bha’n so Mar dh’ fhiosrach e gun dàil, Oir asail fhad-chluasach bha dlù Thug raoichdil choimheach àrd. Le srann gun thog an t-each a cheann, Ceart mar roi leomhann garg; ’S air falbh le uile lùs a rìs, Theich e na shradaibh dearg. Air falbh chaidh Gilpin—is air falbh Chaidh ad ’s a ghruag nan deann; An tiota thuit iad chionn gun robh, Iad mugha is mòr da cheann. ’Nuair chunnaic bean Iain Gilpin e A marcachd nuas co bras, Tharraing i’n sporan sìod a mach Is bonn leth-chruin thug i as. ’N sin thuirt i ris a charbadair ’Sa cridhe le iomaguin làn, Gur leatsa so mo ghille gleust, Is thoir air ais e slan. Dh’ fhalbh e ’s choinnich iad gun dail, Is dh’ fhiach e ’n t-each a stad, Ach ’se an oireap so a chuir, An rosad air air fad. ’Nuair dh’ fhartluich air na bha na bheachd A chuir a nis an gniomh; [TD 296] Gun chlisg an t-each, ’s air falbh gun d-theich Ni ’s luaith na rinn e riamh. Air falbh chaidh Gilpin, is air falbh An carabadair co bras, Gun straoilich chiubhlichean na dhéigh, Gu meamnach a’ dol as. Bha seisear uaislean, ’chunnaic e A’ teicheadh air an each; ’S an gille carbaid air a thòir Gun ghlaodh iad uile mach, Mearlach, mearlach, glacaibh e, Gun ghlaodh iad dh’ iarruidh fòir; Is dh’ fhalbh iad fein ’s na chunnaic e Nan teann-ruith air a thòir. ’Sa rithist dh’ fhosgladh dha gu luath Cachaileadh mhòr na cìs, Oir shaoil na daoine, mar air tùs Gun robh e ruidh na réis. Bha e mar sin, is choisinn e Oir fhuair e buaidh le luas, Stad cha d’rinn gus ’n d-rainig e An t-àit an deach e suas. Nis seinneamaid fad shaoghal do’n righ ’S air Gilpin gun robh àgh; ’San ath-uair theid e mach chur réis, Bu mhath leam bhi san làith’r. [TD 297] FOCLAIR GEARR, A MHINICHEAS NA FOCAIL IS DEACAIRE SAN LEABHAR SO. Abhall-ghort, orchard Acain, sighing or sobbing Achmhasanach, reproaching Adhartach, diligent Agair, accuse Agh, prosperity Ailean, a small green field Airc, want, distress Aisrith, a mountain pass Amaladh, entwining Anabas, filth or off-scouring Ana-gnà, trouble Aodhrach, off, or belonging to Inverary Ascain, reverse B Baoisgeadh, glancing Beithir theinnteach, forked lightning Beumadh, striking or tolling Binnein, top Bladh, substance Braon, a drop Bréid, a kerchief Breithneacha, meditating or musing Buillsgein, middle Buitseachas, witchcraft. C Cagailte, hearth Camhanaich, dawn Canach, Caineachain, mountain down Cailleacha-dubha, Nuns Caisil-chrò, ancient name of a coffin Caitein, a dark ripple on the sea Callaid, noise: fence, &c. Caochan, a small rivulet Ceileirean, melody Ceudfaithean, affections Clos, rest or sleep Cluthachadh, clothing Co’ghàir, a joint sound Co’-sheirm, harmony Còinneag, a natural bee-hive Cona-ghàir, hurry, hubbub Còisridh-cheòlmhor, sweet songsters Cranntachd, cold or hoar-frost Craobh-thuine, genealogical tree Creachainn, top of a high rock Cròchd, Antler [TD 298] Cròichd, froth Cròilein, a young family Crom-leachd, a heathen altar Crùisle, a covered tomb Curach, a boat of wicker, covered with hides Curanda, heroic D Dadum, something; a mote; any-thing Daonndachail, humane, affectionate Deargadh, impressed Dearnadaireachd, fortune-telling by the palm of the hand Dhearnadh, made Diullannach, a youth Dòineach, mournful Dòirneagan, round small stones Dòlas, sorrow Dosgainn, loss, accident Dreos, bright flame, flambeau Drileannach, sparkling Druidheachd, necromancy, enchantment Dubh-aigean, a dark gulph, abyss Dùil, an element Dùile, a poor down-cast creature E Ealabhuidh, St. John’s wort Ealanda, artificial, ingenious Ealdhain, art or science Earr, wane, end Earradh, apparel, dress Eignidh, precise, correct, distinct Eilthíreach, emigrant, pilgrim Euchdach, brave, magnanimous Euladh, moving slowly, stalking F Fada-spuinge, tinder Faiche, a field, lawn Fasgnadh, winnowing, cleaning Feallsanachd, philosophy Feallsair, a philosopher Fidirich, to experience Fiosachd, sorcery, occult science Fios-fithich, instinct knowledge of birds Fòd, art, skill, science Frith-rathad, a bye-path G Gallan, a young tree, a youth Gaoid, a blemish Geimni, mild, favourable Gisreagan, superstitious charms Glaistig, a supernatural spirit Glaodhan, murmur; heart of a tree, &c. Gnàsair, a native Grabadh, hinderance, impediment Greadhnachas, joy, mirth Grinneal, bottom I Iall-chadha, a door-latch [TD 299] Iargalta, inhospitable, churlish Iarmad, a remainder, fragment Iorghuill, bustle, trouble L Leachd-lighe, a grave-stone Leachduinn, face of a hill Leadan, musical notes, hair of the head Leug, a gem Liodairt, wounding, maiming Lurach, pretty, beautiful M Macantas, meekness Manach, a Monk Maoim-sléibhe, a mountain torrent Meacann, a root Meachainn, good-will Meachair, beautiful Meadhail, company Meamna, fancy Measarachd, temperance Meatachadh, intimidating, weakening Meith-chridheach, faint-hearted Miagh, an high degree of respect Mìuthar, niggardly, low, mean Modhar, a heavy melodious sound Mòdhar, affectionate, mild, kind O Oigheam, a book Oil-tigh, a College Onfhadh, strength, rage, noise Othail, bustle, stir, racket P Pong, sound Purp, sense, intelligence R Ranntachd, extent of land Reasgach, coarse, stubborn Riasladh, torn asunder Ribheid, a reed, a pipe Riochdail, most like, most certain S Seachdta, withered, decayed Seadhar, significant Sgioba, a crew Sì-bhruth, supposed abode of fairies Snasmhor, elegant Soire, a small vessel, phial Speal, a scythe Speuradair, astronomer Spleadhach, fabulous, verbose; gaudy, pompous Steallan, spout Stòlda, sedate; solemn T Tàbhachd, efficacy Tàibhsireachd, second-sight Tailmrich, noise Tannasg, a ghost Teinnteach, belonging to fire Teomachd, bravery, expertness Teugbhail, strife, contention [TD 300] Tìreil, inland, sheltered Tìtheach, given to, fond of Tnù, envy Toic, wealth Toireannach, noisy, rapid Tolgach, capricious, unsteady Tomad, bulk Torman, murmuring sound Torran, thunder Tuairgneadh, disturb; distress Tuineachadh, dwelling, resting Tuireasg, a saw U Udlaidh, dark, frightful Ulfhairtich, howling Urraisg, a supernatural spirit, supposed to inhabit rocks, &c. CRIOCH. A. YOUNG, PRINTER.