[DA 1] ORAIN, MARBHRANNAN, AGUS DUANAGAN, GHAIDHEALACH. LE AILEIN DUGHALACH, FILIDH MHIC-IC-ALASTAIR, FLATH GHLINNE-GARRADH AGUS CHNOIDEART. “Rannsuichear gach sgeul bho shean, Bha ’n deagh Ghaidheal riabh gun chron, An Fhionain dhearc-thoireach ghlan, Do ’n aon-bhrigh bho bharr gu bun. Sliochd Chuchulainn, Chaoilt, a’s Fhinn, Osgair, a’s Oisinn, a’s Ghuill, ’S Righ nan ceud cath gam b’ainm Conn, ’S cian a bhios luaidh air na suinn.” Inbheirnis: Clodh-bhuailte le ALASTAIR MAC-AN-TOISICH. M.DCCC.XXIX. [DA 2] [Blank] [DA 3] COMHRADH AN UGHADAIR ’S A CHARAID, MU THIMCHIOLL AN LEABHAIR SO. AIR FONN—“Cabar Feidh.” O! ’s mithich dhomh ’bhi ’g eiridh, Tha éis air mo chothachadh; ’S co fada ’bhios mi m’ eiginn, A’ feitheamh eura ’s tobhartais; Gu ’r ioma fear tha ’g eigheach, A labhairt gu geur, coimheach rium:— “Nach siubhail thu Dhun-eidean, Mu dheibhinn do ghnothaichean?” Their fear glic rium:—“Glac do mhisneach, ’S na bi nise t-amadan; Ma theid do bhriseadh, bi’dh dith meas ort, ’S cha bhi iochd aig caraid riut, Ged bhiodh airgiod ann a d’ chisdidh, Lan a phige ’m falach dheth, Gur gearr a chulaidh sholais, An cor, fad ’s a mhaireas e.” ’S nach smuainich thu, ’Dhuin’ uasail! A liuthad fuachd a’s allaban, Trioblaid, agus cruadal, A fhuair mi ’n tir aineolaich, Le sneachd agus gaoth tuatha, ’Toirt dhiom nan cluas bho ’n ailleagan, Gun duine ’ghabhadh truas dhiom, No dh’ fhuasgladh air m’ an-shochdair? [DA 4] “’S fada beo thu, ma ’s a ceol leat, Bhi ri bron ’s ri gearan air, ’S liuthad òr a chaidh na d’ ’phoca, Bho n’ thoisich thu ’s t-Earrach ris; Leabhar mor agad g’a sgrobadh, ’S gòrach thu mar lean thu air: ’S gu ’r lionmhor fear a chuir a spòg ris, Le dochas gu faidh iad e.” Shiubhail mi gach duthaich, Gu ’r ioma cu rinn comhart rium, Tigh’nn a mach gu Dunain, Bho ùdabaice coimhicheas, A tabhann air mo chul-thaobh, ’S bu lionmhor suil a coimhead rium: ’S nuair bhiodh gach dorus duinte, Cha ’n fhuchdainn-sa romham iad. “Ge d’ dhruidear fear dhiu, fosglar bealach, ’S sean fhocal bho thoiseach e; Thoir fainear e, so mo ghealladh, ’S bi tu d’ leanamh fortanach: Falbh le t-ealaidh feadh gach fearainn, ’S breamasach ma ’r coisinn thu Na chumas fad do shaoghail, Bho ’n aoidheachd gu sochdrach thu.” O! ’n cluinn thu ’charaid dhilis? Tha mise ’stri ri comh-fhurtachd, A dh’ fheuch an cuir mi crioch air, Bho ’n ’s ni chuir mi romham e, ’Bhi ’g imeachd feadh gach tire, ’S mi striochdta gu comhairl, ’S ge d’ choisichinn an rioghachd, Mu ’n aon, bhi’dh tri dhiu coimheach rium. [DA 5] “’S an neach a thigh gu ealamh, brisg, Nach dean thu chlisgeadh gnothach ris? Their e:—Faigh dhomh peann a s innc, A’s gabhaidh mise leabhair uait, ’Scriobhaidh e ’n sin ainm gu clis, Le h-itinn, nuair a gheibh e i: Bidh fear, a’s fear achda dol ris, Ga bheil a mhisneach fhoghainnteach.” ’S na ’n eisdeadh tu ri m’ sgial, Cha ’n iarruinn do chomhairlean; Tha mi mar dhuine ’g iasgach Le fiasgain, ’s muir dhomhain ann; Gu saoithreachail g’ a iarraidh, An uair nach riab e beathach dhiu; ’S co tric an stoirm ’s am fiath ann, ’S cha leig ’n driamlach fodha dha. “’S ma tha ’n t-iasgair bochd air achdras, Cuiridh freasdal cobhair air; Tha ioma seorsa ’s a mhuir pailt, Nuair theid e mach le dhrodhachaibh, Ni e ghlacadh, ’s thig e dhachaidh, Gu tachdrach, foghainnteach, Cuiridh e sid ann an tasgaidh, ’S cha ’n fhaicear a chobhartach.” Cha choimeasan sin dhomhsa, Ge maith do ghloir, cha ’n fhoghainn i, Mu ’n d’ theid mo chuis ann an ordugh, Bidh dortadh agus deaghail air; Ge d’ gheibhinn peighin bhronach, Tha ioma toir a’s deadhaidh air; ’S rionnag ann ’s an oidhche fhrasaich, Leith-chrùn ge do gheibhinn e. [DA 6] “Tog a d’ cheasad, ’s na bi leisg, Na tugadh beagan sobhadh dhuit; Siubhal greis le d’ Ghaelic dheis, Oir cha dean leithsgeul gnothach dhuit, Fuirich seasrach ann a d’ dhleasnas, ’S thoir bho ’n phreas gach leabhar dhiu, ’S gum bi do chliu ga dhearbhadh, ’S nach cluinnte cearb a d’ dheoighidh ort.” Ma chreideas tu mo bhriathran, Gur e mo mhiann ’bhi onorach, Bha ’n seal-fhocal ciallach, ’S fear liath a thuirt romhams’ e, Gu ’m b’ fhearr bhi bochd na briagach; ’S be iarrtas a chomhairlean, Gu ’n soitheach chuir air cial* Do dh’aon neach nach b’fhiach leis coimhead air. “Tog do d’ ghealltachd, ’s na gabh faiteachd, ’S bi gu faicleach, furachail, Faigh a mach le d’ chluais ri claisneachd, Far am pailt a chuideachda; ’S lionmhor fear a ghabhas tlachd dhiot, ’S leis a maith do chuideachadh; ’S bi siobhalt ’ ann a t-iarrtas, ’S gun riaraich e t-uireasaibh.” *Air a chliathadh. [DA 7] AN CLAR-INNSIDH. Taobh-duilleig. Marbhrann do Mhac-ic-Ranuill na Ceapaich 1 Oran do Mhac-ic-Alastair 5 … do ’n aon cheudna 9 … do ’n aon cheudna 13 … do Dhomhnull Camshron, Triath Loch-iall 18 … do dh’Ailein Cam’ron an Earrachd 22 … do ’n neach cheudna 26 … do na Ciobairibh Gallda 29 … Leannanachd 33 … do ’n Mhaighdinn cheudna 37 … do Mac-Pharlain, Piobaire, &c 39 … do ’n chuideachd a thogadh am Brudhach-Mairi 42 … do ’n Mhisg 47 Duanag do ’n Uisge-bheatha 49 Oran Gaoil 51 … do Cheilidh nuadh posda, &c. 55 … do Dhughall Og Mac-Lachuinn, &c 56 … do ’n t-Shuirdhidh 58 … anns am bheil an t-shuirdhidh air a samhlachadh ri Sgibeireachd 63 Smeorach Chloinn Dughaill 67 Comhairle do Chloinn òig, &c. 71 Oran trod mna-an-tigh ri fear 77 … do Mhac-ic-Alastair Ghlinne-garradh 80 [DA 8] Taobh-duilleig. Marbhrann do dh’ Fhear Acha-triachadain 84 Oran do ’n Reisemeid Duibh 89 … do Thighearna Ghlinne-garradh, &c. 96 Cumha do dh’ Oighre Mhic-ic-Alastair, &c. 100 … do Mhac Dhughaill, Dhun-Olla 105 Duanag do dh’ adhairc an tombaca, &c. 111 Oran do thombaca na sreothadaich, &c. 114 … do Thainisteir Ghlinne-garradh 117 Failte an Ughadair do dh’Aonghas òg Ghlinne-garradh 124 Cumha do Dhomhnull Camshron, Lichd-ruaidh 127 … do dh’ Eoghan Mac Lachuinn 131 Oran do Chomunn nam Fior Ghaidheal 136 … do ’n Chomunn cheudna 142 Gearan na mnatha an aghaidh a fir 148 Cumha do dh’ Iein Camhshron, Fear Challort 153 … do dh’ Aonghas og, Acha-triachadain 157 Oran do Mhac-ic-Alastair, air dha bheannachd a thoirt do ’n Ughadair 160 … do Shiosalach Shrath-ghlaise 165 Cumha do dh’ Eoghan Camshron, Fear Ghlinn-nibheis 168 … do dh’ Fhear Lonndabhrà 173 Am Bard a’ diteadh an tuairisgeul, &c 177 Cumha do Shir Iein Camshron 182 Oran mar gun deanadh duine og e, ’s e pòsda ri caillich 186 … do Bhirlinn Mhic-ic-Alastair 190 … do ’n Bhàta-thoite, Beinn-nibheis 194 Duanag do ’n Mhaighdinn Mhor-bheinnich 197 … do ’n Bhàta-thoite, Beinn-Loimein 199 Cumha Mhic-ic-Alastair 202 [DA 9] DO ’N LEUBHADAIR. CHA b’ ann le failmse a chuireadh an dà oran, a ta air ball an deigh so, anns an ionad so do ’n leabhar; ach a chionn gun robh an Clar-innsidh agus an obair criochnuichte, mu ’n d’ fhuaradh bho ’n Bhard iad: uime sin, air dha bhi deonach gu ’n reachadh an Clodh-bhualadh, fhuair e a thoil, agus chunnacar iomchaidh an cur ’s an ionad so. Oran do ’n Bhata-thoite, da ’n goirear an Ceann-fine. ’S E a h-ainm am beurla ’s an gaelic An Ceann-fine am measg na ’n gaidheal; Is thig i ’dhuthaich nam beann arda, ’S gheibh i cairdean anns gach tir. Slan gu ’n till na gaidheil ghasda, Dh’ fhalbh di-mairt air sail’ do Ghlaschu, Leis a Bhata dhionach, sgairteil, Laidir acfhuinneach gu stri.* Nuair a dh’ fhalbhas i gu h-aotrom, ’S luaithe h-astar na ’n gàth-gaoithe, Cha till fairg i no sruth caoluis, Ge b’ e taobh do ’n d’ thig an t-shian. * Ri bhi air aithris an deigh gach rann. [DA 10] ’S ged dh’ eireadh a mhuir gu buaireas, Snamhaidh i air bharr na stuaghaibh, Mar steud-cruidheach a’s spuir ga bualadh, ’Dhol ’s an reise a bhuannachd cis. Le cuibhleachaibh air gach taobh dhi, ’S i masgadh fairge le saothair; Ioghnadh co mor ’s th’ air an t-saoghal, A dheilbh clann-daoine ri ’m linn. Gu dol an aghaidh na gaoithe, Le teine gu ’n aon snathain aodaich, Gun raimh, ach a stiuir ga saoradh, Air muir a taosgadh na glinn. Sgioba fearail ri àm cruadail, ’S Caiptean Mac-an-Aba an t-uasal, Calum Domhnullach a’s Ruairi Mac-Coinnich gu suairce, grinn. Caiptean Mac-an-Aba ’n t-armunn, A shiol nam fear a sheasadh larach, A leagadh na h-aighean ’s na lan-daimh, ’S an fhasach am braighe glinn. Mu Urchaidh nan buinnean gailfhiach, Aig Eas-chaiteleig nan garbh-shruth, ’S tric a rinn do morbha marbhadh, Air bradan tar-gheal fo ’n still. [DA 11] Oran do dhuine uasal araid, ALASTAIR MAC-RATH, a bha na dheagh charaid do ’n Bhard. TURUS dhomhsa mach air chuairt, A tachairt ri Gleann-a-cuaich, A lamh a dhioladh dhomh duais, Bho ’n d’ fhuair mi rud an la sin. Irin-a-rin u horo, Irin-a-rin u horo, Irin-a-rin u horo, Gu ’n togainn fonn gu h-aidhearach.* Gur tu ceann-uidhe nam bard, Nam filidhean ’s nan luchd-dàn, ’S nuair a shineadh tu do lamh, Cha b’ fhaillinneach dhoibh crathadh dhi. Ceisd nam ban bho thir nam bò, Bho Shrath-chluainidh gorm an fheoir, Far an d’fhuair thu t-àrach òg, ’S cunnta moran aighean dhuit. ’S lionmhor maighdean bhanail, chiuin, ’S caoile mala, ’s guirm suil, ’S deirge gruaidh, ’s a ’s gile gnuis, Nach diultadh dol a d’ rathad-sa. Giomanach air chul an fheidh, ’S tric a leag thu iad ’sa bheinn, Le d’ ghunna glaichd air dheagh-ghleus, A tholladh bein gun amharus. * Ri bhi air aithris an deigh gach rann. [DA 12] ’S tric a leag thu mathair laoigh, ’S a choirre ghorm air a taobh, A’s eilid-bhinneach na ’n cas caol, ’S coileach-fraoich ’s a chamhanaich. Leat bu mhiann bhi ’m beinn a cheo, ’G iarraidh fath air fear na ’n crochd, Air do shuil cha laidheadh sgleo, ’S tu seolta dol ’s an amharc ris. Moch ’sa mhadainn air an toir, B’e do roghainn thair gach ceol, ’Bhi ’g eisdeachd nan lan-damh mor, Aig Fillein-roid ’s an langanuich. Namhaid na h-eala ’s gheoidh, ’S na lacha laidheas air lon, Le gunna nach diult ri h-ord, ’S à leonadh anns an adhar iad. Greas an t-shearag sin a nuas, ’S cuir gu h-ealamh i mu ’n cuairt, Deoch slaint fir Ghlinne-cuaich, ’S gun eireadh buaidh ’s gach la leis. Am fear nach òl i gun chealg, Gabhaidh sinn uile ris fearg, Togaidh sinn an t-sabbaid gharg, Le bata garbh a ghabhail air. Gluaiseadh e bho cheann a bhuird, Fuadaichear e as ar cuirt, Cha docha leìnn e na ’n cù, ’S e bhruid a’ fear nach gabhadh i. [TD 1] ORAIN GAIDHEALACH. Marbhrann do MHAC-’IC-RANUILL na Ceapaiche. THA mi ’m shìneadh air m’uilinn; ’S mor mo mhulad a’s m’ aimcheist’ Mu ’n naidheachd so ’fhuair mi Nach bu shuarach ri sheanchas: Ged nach eir’ghinn a d’ bhrataich, A Chùirteir aigeannaich, mheamnaich! Cha bheag mo chuis mhi-ghean Thu ’bhi dhi do luchd leannmhuinn. ’S ann tha ’n sgeul a ta cràiteach An tràth-sa ’s tìr Abraich, Nach mairuinn fear t-aogaisg, A Mhic-Ic-Ranuill bho ’n Cheapaich! Bho na dh’ fholaich an ùir thu An ciste dhluth nan cord breachda, Tha do chairdean gun sugradh; Is beag an t-iognadh e ’thachairt. Tha do thalla gun mhanran, Gun fhuaim clàrsaich’ na pioba, Gun iomairt air thaileasg, No gun lamh ’thoirt air dhìsnean: Bho ’n chaidh Ceannard a Bhràghad An leabaidh lair ’san uaigh iosal; ’S lionmhor neach a tha craiteach, Bho na thainig a chrioch ort. [TD 2] Chaidh do bhochdan gu truaighe, ’S tha do thuath air an rùsgadh, Bho na chàireadh fo’ lic thu, Fhir bu mheasala giùlan! Co dh’ fhuasglas na glasan, Nuair bhios airc air do mhuinntir? Chaill iad iuchair an gleùta, Fear a reiteach’ gach cuise. ’S lionmhor achdain ’s trom-osna Tha nochd ann a d’ dhùthaich, Sileadh dheur agus reachdraich, Gun aiteas ach tùrsa; Mnathan caoinnteach a basraich, Gun an taice ri ’n cul-thaobh; ’S beag an t’ iongnadh do d’ cheilidh Ge d’ nach eirich i sunntach. Tha do bhraithrean trom duilich, ’S cuis mhulaid an t’ aobhar, Bho na dh’ fhag iad thu ’n tasgaidh, Cha ’n e ’n cleachdadh bhi aobhach; Dh’ fhalbh an sùgradh ’s an aiteas, Cha dual da ’n aigne ’bhi aotrom, ’S e ’n tlachd a bhi bronach Gun seol air a chaochladh. ’S beag an t’ iongnadh dhoibh fein sid, ’S an guala threuntais air lagadh, A chraobh chath agus chomhraig Fo’ na bòrduibh an tasgaidh; Nuair a chuirte suas piob leat A meoir bhinn Mhic a Ghlasraich, ’S iomadh gallan deas direach A reachadh sios ann a d’ bhrataich. [TD 3] S lionmhor’ aite ’n robh ainm ort Ann ’s na dhearbh thu do ghaisgeadh; Bho ’n ’s e cleachdadh bu dual dhuit A bhi cruadalach, beachdail, Smachdail, siobhalta, suairce, ’Dhol a bhuannachd a cheartais; Nuair a ghlachdadh tu ’n t-àrdan ’S mairg namhaid a chaist’ ort ’S mairg fo ’n leigte do lùs, An uair a thionndadh tu ’n as-caoin, A dhol a chosnadh cath làrach, Gu nàisinneach, reachdmhor: Gnuis shoilleir na naire, Nach robh sgàthach no gealltach; ’N àm losgadh an fhùdair, Nach tionndadh le taiseachd. Na ’m b’ e do chleachdadh an lùireach, A’s claidheamh cuil a chinn aisnich, Sgiath bhreachd na ’m ball dlutha Air a dunadh fo t-achlais, Agus clogaide cruadhach Oscionn na cluaise b’ fhearr claisneachd; Cha bhiodh sgàth air do dhaoinibh Dhol ’sa chaonnaig ’s tu aca. ’N àm do laoich chur an òrdugh, Bu leir dhuit eolas a ’s gliocas; Tuigse naduir le foghlum, Fhuair thu sonruichte gibhtean: Ri linn catha no comhraig, Cha ’n fhacas leon air do mhisnich; Ri h-uchd cogaidh a’s fuathais, Dhearbh thu cruadal gun tioma. [TD 4] Bha thu uasal a d’ nadur, Suairce, bàigheil a d’ inntinn; Bho thoiseach do làithean, B’e t’ abhaist bhi siobhalt; Aghaidh meachair mar mhaighdinn, Flathail, caoimhneil fo d’ mhin chruth, Dana, sgairteil mar shaighd-fhear, A chasgairt foill do luchd mi-ruin. Nam bu chogadh an t-aog A b’ urrainn daoine ga thilleadh, ’S iomadh oig-fhear deas, dealbhach, A reachadh garg ann san iomairt; Mu ’n leigte gu dith thu, Gur a lionmhor cean-fine ’Reachadh dàn ann sa stréupaid, Fir ghleusda, gun ghiorag! Dh’ eirgheadh Tighearna Mhuideart, ’S Mac-ic-Dhùghaill bho ’n Mhòr-thir, Mac-Dhomhnuill nan Eilein, ’S cha b’ ann air deireadh do thoireachd; Dh’ eirgheadh fir Ghlinne Garradh, ’S Mac-ic-Alastair Chnoideart, Cloinn Iein bho ’n Innein, Nach tilleadh ’sa chomhail. Nam bu shean mi gu seanchas, Dh’ innsinn dearbhta na ’s leatsa, ’S a thigeadh mu d’ dheibhinn, Na ’n gleidhte le feachd thu; Iarl’ Antrim a h-Eirinn D’ an geilleadh na gaisgich, Agus uaillsean Chinntìre, Luchd nam pioban ’s nan glas-lann. [TD 5] Oran do MHAC-IC-ALASTAIR, Tighearn’ Og Ghlinne Garradh. DEANUIBH suidhe mu ’n bhord so, ’S bidh mo stòp-sa cur thairis; Mar bhi gainnead mo stòrais, Cha bu leor lium a cheannach: ’So an deoch a theid òl Air Tighearn Og Ghlinne Garradh; ’S cha bhi i gun dioladh, A’s teudan m’ fhidhle ri ’n tarruinn. ’S i so slainte ’n fhir uasail, Chionn ’s gu ’m buadhaich thu ’n treuntas, Agus dùchas a Chaisteil, ’S do luchd chasag cha gheill thu: Ma bhios gach cuis mar a chualas, ’S fearr na duais leinn è dh’eirigh, Gu ’m bi gach ciobair a’n Cnoideart Fo iochd an leomhainn ga’n treutadh. Tha thu macanta, caoimhneil, Mar mhaighdinn aig suairceas; Nuair a thigeadh iad cas ort, Dh’eirgheadh lasadh a d’ ghruaidhibh; Leat is feargach luchd adan ’Bhi gam faicinn mu ’n cuairt dhuit; ’S mu leanas tu chuis ud, Bidh do chliu mur bu dual dhuit. [TD 6] A’s a sheobhaig na firinn! Tha thu d’ righ air an ealltuinn; Ma ’s e beachd anns na chinn thu, Nach bi ciobair a t’ fhasga: ’S iad a dh’ fhòghair do dhillsean, ’S a chuir dith air do bhrataich, ’S bho na fhuair iad lamh ’n uachdar, Tha do thuath air an sgapadh. ’N rud a thuirt an sean-fhocall, Tha mi beachda gur fior e— “’S fearr tilleadh ’s an àth No ’bhi bàite gu h-iosal:” Bheir thu ’n air’ air do chairdean, Ma tha ’n dàn doibh na chi e; ’S cuis shòlais do d’ chinneadh Gu ’n do ghineadh gun spid thu. Cas a shiubhal a chreuchainn, A dhìreadh leachd agus garbhlach; Pearsa chùmpach gun leasgan Da ’n deise thig armachd; Cuilbheir caol air ghleus lubhaidh, A deanamh pudhar mu anmoch, Air agh a chinn ghuanaich, ’S tric a bhuannaichd thu ’n earba. ’S tu sealgair na sìthneadh Ann am frìdh nan damh seanga, Leis a ghunna nach diùltadh Air ùtlaiche ’n langain: Agus lach a chinn uaine, Bhiodh do luaidhe ga mealladh, Eoin a dh’ eirgheadh bho ’n t-shàile, ’S bu tu namhaid na h-eala. [TD 7] Agus giomanach coilich An cluais an doire sa mhadainn, Le ghob crom, ’s e ri dùrdan, ’S “cha b’e tùchan a chnatain,” An taichd a leannain ri sùgradh, A seinn ciùil air gach bachdan; ’S a ’nuair a làsadh do làmhach, Bhiodh a charaid gun astar. ’S air thoisich a chruadail, Dhuit bu dual a bhi d’ ghaisgeach, Roimh neart tein’ agus luaidhe, Do lann chruadhach ri spealtadh: Tha thu ’shliochd nam fear uaibhreach A choisinn buaidh anns gach baiteil, A fhuair urram na h-Albann, ’S a rinn a dhearbhadh an Sasunn. Siol nan Collaidhnnean treuna Nach treigeadh an claidheamh, Dh’fhas gu cruaidh-bhuilleach, tréubhach, Bu mhaith feum ri h-àm sgathaidh; “Leis na chuireadh cath ghairbh-fhaich,” ’S gheibhte seanchas air fathasd; Mar ri là Ionmhar-Lòchaidh, Bha luchd chleochdan na ’n laidhe. Tha fior fhuil nan Gaidheal Gun chàilein, air sioladh Ann a d’ phòraibh na ’n stuaighean Mear-ghluasadach, rioghail; ’S lionmhor struthan bras-uaibhreach Tha mu d’ ghuaillean a direadh; Ge b’e sheanchuiseadh ceart thu Bho linn Art agus Mhili. [TD 8] ’S mairg a reachadh gu stri riut, Mar biodh siothchaimh air t’ aire; Cha bu shugradh do Dhu-ghaill Do chùis a thoirt tharad; Nuair thigeadh an tréun-laoch, Mor-fhear Sleibhteach nan seang-each, ’S Mac-’ic-Ailein a Uidhist, A theid na uidheam air mharachd. Leat a dh’ eirgheadh bho ’n Mhor-thir Treun-fhir mhora nach meataich, Da ’m bu shuaicheantas fraoch, An àm na laoich ’chur ri gaisgeadh; Dream nach striochdadh ’sa chaonnaig, Sliochd Raonuill bho ’n Cheapaich; Le ’n cuilbheiribh caola’ ’S tric a dh’ fhaobhuich Cloinn Chatain. Dream eile do d’ chinneadh, Clann Iein cha striochdadh, Air thoiseach a chumaisg ’S iad gu fuileachdach, dileas; Nuair thogta leibh bratach, Fraoch dait’ agus pioban, ’N àm na faobhuir a nochdadh, ’S mairg a choisneadh am mi-ruin. B’ ann do d’ chàirdeas Cloinn Dùghaill Bho thùr na ’n clach snaighte, ’N àm tional ri cheile ’S iad nach eisdeadh do chaismeachd; Dh’ innis latha Ghlinn-seile Nach bu deireadh air feachd iad; ’S ge do chailleadh sliabh ’n t-shiorraidh, Chaidh a’n gillean air thapadh. [TD 9] Oran do ’n aon cheudna; ’s e sin ri radh—an Coirneal Domhnullach, do ’n goirear “TIGHEARNA GHLINNE GARRADH.” LUINNEAG.— Faigh a nuas dhuinn am botul, ’S theid an deoch so mù ’n cuairt, Lion barrach an copan, Cum sochdair a chuach; Tosda Choirneil na feile Leis an eireadh gach buaidh, Oighre Chnoideart a bharruich, ’S Glinn-garradh bho thuath.* THIG ort measair a’s adharc, Agus taghadh nan arm, Le d’ mhiol-choin air lomhainn, ’S iad romhad air falbh: Nuair theid thu do ’n mhonadh, Bidh fuil air damh dearg; Cas a shiubhal an fhirich, Leat a chinneadh an t-sealg. ’S tu marbhaiche ’choilich, ’S moch a ghoireas air chrann, Bhuichd bhioraich an t-seilich Agus eilid na ’m beann: ’S tric a leag thu na luaths’ A chaol-ruaghag ’s a mhanng, Nuair a ruigeadh do luaidhe Cha ghluaiseadh i eang. * An Luinneag ri bhi air aithris an deigh gach rann. [TD 10] ’S tu namhaid na h eala, Lamh a mhealladh a gheoidh; B’ fhearr leat ’fhaicinn ’san adhar, Na e luidhe air lon, Air iteig ga chaitheamh, Bhiodh luaidhe neimh air a thoir Bho ghunna beoil chumpaich. ’S cha bhiodh uin’ aige beo. Lean do chruadal, ’s do ghaisgeadh, ’S am fasan bu dual A bhi colgarra, cosanta ’M prosnuchadh sluaigh: Gu h-armailteach, treubhach, Gu geur lannach cruaidh; ’S tu shliochd nam fear treuna, Nach geilleadh ’s an ruaig. Tha ’n naidheachd so fior aig Luchd innse nan duan, Gur a sgeul e ro chinnteach, Air do shinnsreadh bha buaidh; Nach do dhibir an deas-lamh, Ach seasamh ’s gach uair, ’S i bhuidhneadh a chìs Ri h-uchd strithe le fuaim. Ghabh thu tlachd a’s dea-cheutaibh, Do ’n bheus a bh’ aig cach, Luchd bhreachdan an fheileadh A dh’ eireadh a’ d’ phairt; Toirm fheudan ga ’n gleusadh, Leat is eibhinn an gàir’, Mar ri binneas nan teud, ’S a bhi g’ eisdeachd nam bard. [TD 11] Tog suas an crann direach, Bratach riobhach gun sgath, Le cularaibh rioghail A dh’ innseas co iad; ’S cha ’n òb do chuid gillean Dol an iomairt na spàirn, ’S tu fein air an toiseach A toirt mosglaidh da ’n càil. Tog colg ort, Fhir ghasda, Bi gaisgeil ’s gu ’m faod; Thig marcuich is coisichean Ort as gach taobh: ’S farsuinn lion’ar do chorach, Cloinn Domhnuill an fhraoich; Thig do chinneadh a d’ chomhnadh A chraobh chomhraig nan laoch! Tha fir chalma ro fhearail, Ann a ’d fhearannaibh fein, Eadar Cnoideart ’s Gleann-Garradh, ’Theid barruicht’ air ghleus: ’Chuireas cul air an naimhdean; Tha ’n Ceannard ga ’n reir: ’S cha ghabh thu bhi ceannsuicht’ Le Ghrannduich Shrath-Spe. ’S leat cairdeas, le dùrachd Fir ùr Innse-Gall, Nach gabh giorag na mùiseag, ’N àm rusgadh nan lann; Na ’n cluinneadh iad stri riut, Bhiodh mìltean diubh ’nall; Mu ’n leigeadh iad cùis ort ’S iad a dhùbhladh do rannc. [TD 12] Thig a d’ choinnimh le farum Buidhean bhras na ’n arm cru[?] A bhuaileadh na buillean ’S a chuireadh an ruaig ’Bha gu h-ardanach reachdmhor. Gu feachd a dol suas Bho Cheapaich nan craobh, A dh’ fhag na glaoidh ’s a Mhaol-Ruaidh. Bho chomhann nam bradan, Is gasd’ thig fo thriall Cloinn Iein gun ghealltachd, Bha ’neart-san leat riabh, Le ’n airm an deagh ordugh, Luchd a leonadh nam fiadh, ’S a dheanadh an tolladh Mu ’n cromadh a ghrian. Co ’thàirneadh riut riobadh Nuair ’thig na bheil uait? Iarl’ Antrim a h-Eirinn Leis an eireadh na sluaigh; Mac-ic-Ailein nan geur lann, Dheanadh euchd air a chuan, Aig a bheil na fir ghleusda ’Dhol a reubadh nan stuagh. Thig iad sid ort le dùchas Bho thùr na ’n clach réith, Braithrean Dhomhnuill, Cloinn Dhùghaill, Marcaich shunntach nan stéud: Cloinn an t-Shaor bho thaobh Chruachainn, Bha riabh cruadalach tréun; Ge do chaill ìad a chòir ’bh’ aig An’ seòrs’ ann an Sléibht’. [TD 13] Oran do ’n Aon cheudna. Air fonn agus tomhas, “A bhean, leasaich a stop dhuinn.” DEANAIBH suidhe gu soisneach, Air sèaraichean sochdair, Mu bhord nan ceith’r oisnean, Chum ’s gu ’n òl sinn an deoch so, Air Choirneal ùr nam fear coltach, A choisneas cliu ’s tu air thoiseach nan laoch. A choisneas cliu, &c. Mu ’s a branndi no fion e, Dean am botul a lionadh; Tha mi toileach a dhioladh, Gun ’bhi cunntas mu fhiachan, Ga ghearan cha bhi mi, Ge do bhitheadh a phris orm daor. Ge do bhitheadh, &c. Tha mo chridhe gun aiteas, Bho na thriall thu air astar, ’S mi t-iarguinn, a ghaisgich! Bha coltas ceann feachd ort Air thus nam fear gasda, ’Nuair a ghluais thu ’s a mhaduinn diar-daoin. ’Nuair a ghluais thu, &c. Oighr’ Oig Ghlinne-Garraidh, Agus Chnoideart an daruich! Be do dhualchuis bho d’ sheanair, [TD 14] Seasamh cruadalach fearail, ’N àm dol suas ann an carraid Mar bhalla cruaidh, se fo bharran do ’n fhraoch. Mar bhalla cruaidh, &c. Co ’leumas an gàradh, ’Nuair a thogas thu ’phàirce? Rannc rioghail neo-sgàthach, Mar do chaochail iad abhaist, Is maith a sheasas an larach, ’S a chuireas an namhaid fo sgaoil. ’S a chuireas, &c. Na fir mhora gu cumasg; Nach eisdeadh an cuireadh Dhol a bhualadh nam buillean, Gu geur lannach, guineach, Le ’m beumanaibh fuileach, ’S tric a choisinn iad urram ’s a stri. ’S tric a choisinn, &c. Sgeula chuala ’n roinn Eorpa Gun robh buaidh air Cloinn Dhomhnuill Ri h-aodunn a chomhraig; Na fir churanta, sheolta, ’Theid ’s an iomairt gun sòradh, ’S co b’ urrainn bhur coir a thoirt dhibh? ’S co b’ urrainn, &c. Gael an t-Alastair Gleannach, Marcach sunntach nan seang-each, Nan steud cruitheacha, strannach, A bhuidhneas réis air na Galluibh A theid na ’n leum, ’s nach toir thairis le sgios, A theid na ’n leum, &c. [TD 15] Sar-bhiadhtach, an fhiona, ’S tu b’ urrainn da dhioladh, Cha bheagan bu ni leat; Ach togsaidean lionta, Mar bu chleachdadh le d’ shinnsireadh Ann ’s an talla ’m biodh slinntrich nam pios. Ann ’s an talla, &c. Tha mo dhùils’ anns an Tridhear, Gur a greadhnach do thighinn, Gu ’d ste mar bu dligheach, Air creagan an Fhithich, Tur àrd nan clach lighe Nan stuagh laidir nach crithich le sìn. Nan stuagh laidir, &c. Gu tùr ’Garrannach uasal Na ’n clach snaighte nach gluaisear, Air nach draigheadh an luaidhe, ’S cian bho ’n chuireadh a suas e, Leis an dream an robh cruadal, ’S cha d’ fhuair naimhdean riabh buaidh gu chur sios. ’S cha d’ fhuair, &c. Fhir mhaisich na feile, Gu ’n uireasbhuidh ceille: Tha t-uaisle ’s do bheusan, Do chruadal a ’s t-euchdan A comh-fhreagradh da cheile, ’S cha tuairsgeul breig’ ’tha mi ’g inns’. ’S cha tuairsgeul, &c. ’Ghlachd thu mhisneach as t-oige, Le gliocas gun mhor-chuis; ’S leat onoir ’bhi ’d Choirneal, [TD 16] Do chomision a d’ phòca, Leith ri ceangal do chorach: Gleann a Garradh a’s Cnoideart fo d’ chis. Gleann a Garradh, &c. ’Nuair a theid thu fo d’ armaibh, Bidh raoghainn gach dealbh ort, ’S lann thana ’chinn airgiod, An dorn luthmhor nan geal-mheur; Mheud ’s a thainig do d’ aimsir, Cha do thaisg thu i cearbach fo’ spìd. Cha do thaisg, &c. ’S beag an t-iognadh an Albainn, Ge do chluinnte mor-ainm ort, Mar a millear a seanchas; ’S tu ’shliochd Art agus Chormaig, Chuinn a’s Cholla, ge d’ dh’ fhalbh iad, ’S fada cliu nam fear calm anns gach tir. ’S fada cliu, &c. ’Oig aigeannaich, mheamnuich, Cas a shiubhal a gharbhluich, Bidh tagha nan arm ort; ’S tu ’raogha an t-shealgair, ’S i do luaidhe ni marbhadh, ’S tric a leagadh damh dearg leat ’s an fhridh. ’S tric, &c. ’Nuair a chaogas tu ’n t-shuil, ri Gunna glaice nach diultadh, Bidh eilid na stùichde Ann sa’ chadul nach duisg i, Aig do ghillean ga’ rusgadh, ’S tu nach cuireadh a luireach gu pris. ’S tu nach cuireadh, &c. [TD 17] Dearg namhaid an ruaidh-bhuichd, ’S a choilich dhuidh air an duathar, Ann ’s a mhaduinn mu ’n gluais e; ’S eala bhàn nan spag fuara. ’Snamh air bharra nan stuaghan, ’S tric a mheall thu mu ’n cuairt i gu tir. ’S tric a mheall, thu, &c. ’S an cluinn thu mis’, fhir an tighe? Thoir dhuinn an t-shlainte so fhathast, Agus reitich an rathad Do ’n fhear nach duraichd a gabhail; Tilg an cuil e na laidhe, ’S na bi ’giulan luchd tathaich nach fhiach. ’S na bi ’giulan, &c. Am fear nach togair a h-òl, bidh Taobh an lochdair do ’n chomhlaidh Ri bairneach a shroine, Gus am bi e cho reota ’S nach eirich e beo as Mar h-iarr e ’n tosda, ’s an t-oran so ’risd. Mar h-iarr e, &c. [TD 18] Oran do DHOMHNULL CAM’RON, Triath Loch-Iall. A tha coltach ri teis cronain Mairi, nighean Alastair Ruaidh, a Bhan-Bhard. O THEANGA! bi giar, ’S thoir dhomhsa mo mhiann; Mu dh’ innseas tu sgial, Cha till mi do shrian: Thoir cuimhne air Loch-Iall, Gam bu duchasach riabh ’Bhi comhragach dion, Fiughannach, fial, Sar cheanard na ’n ciad—Domhnull. Sar cheannard, &c. Bha do mhuinntir, ’s do thir, A t-iunndrain g’ an dith, Cha b’ iongnadh sid leinn, Dh’ athnuadhaich thu ’n t-shith; Tha do choir air a dion Le h-ordugh bho ’n Righ; ’S cuis sholais doibh i; ’S tu a Ghaisgich! nach cli ga ’n comhnadh. ’S tu a Ghaisgich! &c. Bho ’n la chuibhtich thu ’n Fhraing, Tha gach cridhe gun fheall Air a lionadh le taing, Gun d’ fhuair iad thu ’nall: Iad tamull mar chlann [TD 19] Gun athair na ’n ceann, Mar luing ’s i gun chrann; Ghlac thu ’n stiùir ann ad’ laimh, ’S tu ’thionndaidh gach ball còmhnart. ’S tu ’thionndaidh, &c. An laoch misneachail treun, Ga bheil gliocas le ceill! C’ àit a seasamh air feill Na bheir barrachd ort fein, An Triath Abrach ga’n geill Fir ghasda gu streup, Luchd bhualadh nam beum, Ri h-uchd tuasaid nach eisd ordugh? Ri h-uchd tuasaid, &c. Sar mharcach nan each, Gnùis àillidh, ’s fearr dreach; Ghlachd thu ’n dualchuis a d’ bheachd, Eiridh suas ann am feachd Le cruadal a d’ neart; A chraobh ùr na meur pailt, Nach gabh lubadh mar shlait, ’S cha bu shugradh a sgath comhla. ’S cha bu shugradh, &c. ’S lionmhor curaidh gun chealg, ’S fiuran sgiobalta garg, Bu mhòr misneach a’s dealbh, Nach obadh leat falbh; Bha sid ort mar shealbh, ’N àm an togail gu h’ arm, Chaidh a chùis ud a dhearbh-chòmhdach. Chaidh a chùis ud, &c. [TD 20] Farum sioda ri crann, ’N àm rusgadh do lann, ’S e bu dligheach ’bhi ann, Spealtadh chnuachd agus cheann, Mar ri luaidhe na deann Far am buaileadh i meall; Air do naimhdean bhiodh call, Le mòr ghaisgeadh an dream nach sòradh. Le mòr ghaisgeadh, &c. Ceol dionach a d’ chluais, Air an dioladh tu duais; Piob shiubhlach a suas, Meoir chinnteacha luath, Binn, firinneach, cruaidh; Fhir na h-iomhaigh gun ghruaim! Leat bu mhiannach am fuaim, ’N àm tarruing do shluaigh an ordugh. ’N àm tarruing, &c. Thig na h-airm ort, a laoich! Paidhir dhag air do thaobh, Lann sgaiteach nach faoin, A chinn aisnich, nach sgaoil, Cruaidh, fulangach, caol, Air chrios iomachair, caoin, As a duillidh nach aom Gun chuis-chatha, na aobhar comhraig. Gun chuis-chatha, &c. Tha thu macanta, ciùin, Ann an cleachdadh, ’s an iùil: Glac a dh’ iomairt na ’n crùn; ’S ro mhath t-fhocal air chùl Fir, na airc, fo’ luchd diumb’; [TD 21] Seasaidh t-onoir ’s do chliu Ann an seirbhis a chrùin, A Cham’ronaich ùir bho Lochaidh! A Cham’ronaich ùir, &c. ’S tu nach soradh a fion, ’Scapadh storais ga dhiol, ’Fhir gun choir air bhi crion, ’S tu chuirt ghreadhnaich nam piob, Cairdeach Eoghan nam pios, ’Bhuidhneadh geall ann comh-strì, Chaidh a shealltuinn an Righ, Lan gaisgidh le fior eolas. Lan gaisgidh, &c. ’S tu ’n t-ubhall a dh’ fhàs Air ’gheig nodha fo’ blath; Ge do fhroiseadh dhi càch ’Le h-oiteig a bhàis; ’S ann do dh’ òrdugh nan gràs An fhriamhach ’bhi slàn, Le h-iomart gun chàs Thu bhi togail do mhàil; ’S gu ma fada sgeula slainteach, beo ort. ’S gu ma fada, &c. [TD 22] Oran do dh’ AILEIN CAM’RON, an Earrachd, air dha bhi na Mhàidsear. A MHAIDSEAR AILEIN, ris an can iad Fear an Earrachd! bu bhinn caithream Do luchd ealaidh ’dol gu d’ talla, Tha thu fearail, cha be cheannach, Dhearbh thu chean’ e, ’n cuis ga leanailt, Cha laidh mearachd facaill ort. Dhearbh thu, &c. Chunn’cas seachad thair an aiseag Thu, fhir ghasda, mheamnuich, reachdmhoir, Uasail, bheachdail! chualas caismeachd Piob’ air astar, leat a Ghaisgich, ’Dhearbh do thapadh air thus feachda, Anns gach cath ’n do thachair thu, ’Dhearbh do, &c. Màrcach sunntach nan cùrs’ meara, Nan steid seanga, cruitheach, ceannard, Gaortach, strianach, dioltach, strannach! Co tha ’n Albainn ’thug ort barrachd! ’S beannachd bhochd tha ortsa ’AILEIN, Gheibh diol-deirce a ’s maith an airidh Uat, a threun fhir! feisd gun cheannach; Sid am beùs nach b’ aineol ort. Uat a threun-fhir! &c. ’N àm do d’ mhuinntir tigh’n gu d’ làraich, Cha bhiodh do chuilm gun cheol gaire; [TD 23] Cha bi ’n tunna bheag a b’ àill leat, Ach na buideil tric gan traghadh, Togsaid air stochd le gochd pràise, Riachaid gu dian air fion Spainteach: “Ge be dh’ òladh, ’s tu gum paidheadh,” Cha bu spàirn ort teannadh ris. Ge be dh’ òladh, &c. ’S ard do thurus suas do Lunnuinn, Fad ’sa dh’ fhuirich, bu cheann-cuiridh Aig gach duin’ thu: bha sgiamh curaidh Ort gu h-uile, fhuair thu ’n t-urram Ordugh cumaisg; le t-airm fhuileach, Gheura, ghuinneach, ’S tu fo ’d chulaidh bhatailte. Le t-airm fhuileach, &c. Fear gun ghruaim a dhioladh duais Is deirge gruaidh na ròs ga bhuain, Is àillidh snuagh fo d’ eideadh uallach: Cha laidh fuachd ort, òr mu d’ ghuaillean, Comhdach uasal; ’s lionmhor fuathas Tein’ a ’s luaidhe, Gàbhadh cruaidh romh ’n deachaidh tu. ’S lionmhor fuathas, &c. Chit’ air causair t-aird thair fearaibh, ’N deise ’n aodach bu daor ceannach, Cota nan eang air a bhalluibh, Feileadh agus osain ghearra, Breachdan gun mheang, a ’s lann thana, Nuair a b’ fheumail duit a tarruing, Gairg ann a d’ bheachd, ceart a d’ ghealladh; ’N onoir an Righ, gun dì ceannais, Ri h-àm strì nach sealladh air. ’N onoir an Righ, &c. [TD 24] Cridhe suairce ’n com na h-uaisle, ’N eireadh cruadal ri uchd tuasaid, ’Leanadh ruaig, a reachadh suas Air thoiseach sluaigh a choisneadh buaidh Le faobhar cruaidh; an cliu a fhuair thu ’S mairean buan e; ’S co a ghluaiseadh sgainnil ort? An cliu, &c. C’ ait’ an d’ fhas e, aon mhac Gaidheil A thug barr ort anns gach càs An iarrta t-fhabhor, uaisle, ’s failte, Suairc’ is cairdeas? gruaidh gun sgath Romh fhearg do namhaid, ri leas blair, Le lùths do lamh; bhiodh fuil ga traghadh, Thall thair sàile, ’S dh’ innseadh cach gu ’m fac’ iad e. Bhiodh fuil, &c ’S ann do d’ chòmhdach t-airm an ordugh, Dag air òradh, lann a d’ dhorn Gun diobhail gleois, a deanamh stroiceadh Ri h-àm còmhraig; ’dh’ fhàgadh leointe Luchd do cho-stri; fo d’ lan ordugh, Sluagh ga ’n seoladh, ’Sradadh ord mar dhealanach! Fo d’ lan ordugh, &c. Nuair a theid thu air thùs feuma, ’T-airm ’s t-eideadh, cha bhi eis ort: ’S ann do ’n Fheinn thu, ’Ghaisgich threubhaich, Nan gniomh euchdach, Ceannard-cheud thu, ’Ghnuis na feile: leis an eireadh Fir nach geilleadh, Theid air ghleus gu caithreamach. Leis an eireadh, &c. [TD 25] Iuil a’s maise, cliu a’s gaisgeadh Be do chleachdadh; òr ga scapadh Fion gun airceas, òl gu frasach, Ceol a’s aiteas, cèir an lasadh Aig Ceann Feachda fir Loch-Airceig; Theid gu sgairteil fo d’ gharbh-bhrataich, An còir cheart nach dealuich riut, ’Theid gu sgairteil, &c. ’S leat gu d’ chomhnadh na garg-leomhainn Theid an ordugh, ullamh, eolach, Dagach, ordach, lannach, dornach, ’Thig a d’ chomhail, cairdeach, ceolmhor, Piobach, strolach, mar bu choir dhoibh, Domhnullaich a’s Leathainich. Piobach, strolach, &c. Bidh ard uaislean a’s luchd oighreachd ’G òl do shlainte ’n càs na rinn thu; Gur deas-Ghaidheal, cha mhac Goill thu, Cam’ronach gun fhaillinn caoimhneis; ’S lionmhor cliu a’s beannachd saighdeir Ann an cùirt an Righ a thoill thu; ’S ge bu bhard mi la ’s do dh’ oidhche, Trian do d’ loinn cha ’n aithris mi. ’S ge bu bhard, &c. [TD 26] Oran do dh’ AILEIN CAM’RON, an Earrachd, air dha bhi na Choirneal. AIR FONN—“Moladh an Leomhainn.”——M‘Don.Vol. I. MU ’N cuairt a ghloinne còmhnard, Gun dòrtadh, ’s dean barrach i, Do ’n stuth neartmhor laidir, ’Bheil cail agus fallaineachd, A dh’ òl deoch-slainte ’n armuinn, Their cach “Fear an Earrachd” riut: Gach ceum gu dol a suas dhuit, A’s buaidh air na leanas tu; Mo dhuil gu grad thu thighinn gun stad, A chum ga faicear fallain thu, Fhir is gasda shiubhlas faiche, Nach eile lag na aimbeairteach; Air thùs gaisge cha bu tais thu Ri uchd cath ga theannachadh; ’S cha chualas ann an Albainn Ceann armailt ’thug barrachd ort. Tha sgeul air tighinn do ’d dùthaich, A’s cunntas gur mairreann thu; Slan do ’n bheul a ghiulain An t-ùrachadh annasach; ’S naidheachd e ’s an rioghachd, Ga innseadh gu barantach, Gu bheil thu nis a d’ Choirneal, ’S do chòraichean ceangailte: [TD 27] Fhir chalma, ghlic, ata dearbhadh tric Gu bheil do mhisneach ceannardach, Be sud do bheus, a dol gu streup, A Leomhainn bheuchdaich, fharamaich! Gach àit an d’theid thu, leat a dh’ eireas Na fir threubhach bhearraideach; Aig meud do threuntais, co ga ’n geill thu, ’S buaidh gach euchd a leanailt riut? Lean gaisgeadh agus cruadal Bho dhualchuis do sheanar riut, Nuair thairneadh e bho chruachan A chruaidh lann gun smal orra, ’S a ghlachdta leis neo-chearbach An t-arm da ’m b’ainm “An Reangaire,” ’S ann thigeadh sgeul an fhuathais Air cruachdan ga ’m beanadh e: ’S an cùis na ’n geall, a’n cùirt na ’n cainnt Cha ’n fhasan ghall a leanas tu; Cha chleachdadh ùr ’n do chuir thu duil, Bho ’n tha gach cliu ri aithris ort; Nuair a dhuisgt’ thu, cha bu shugradh Tionndaidh ann an carraid riut; Thu maith gu sith, a’s garg ’s a strì, Cha toirear cìs a dh’ aindeoin dhiot. Nuair theid thu ’n uidheam Gaidheil, Bu mhiann le bann-righ sealladh dhiot, Le t’ osain is maith fiaradh, Do cealp ’ air fiamh na gaillinne; ’Sporan a bhruichd fhiadhaich, Gun chruaidh-shnuim riamh ga theannachadh; Gu tric a tarruing iallan ’S ga riachaid air aimbeairtich: [TD 28] O! ghnuis na feile theid gasd’ a t’ eideadh! Thig ort feileadh beannagach, Na chuaich gu dlu mu ’n cuairt do d’ glun Do bhreachdan ùr neo-sparrasach, Boinneid dhu-ghorm thig bho ’n bhuth, A theid na cruin ga ceannach dhuit, Fo bharr gu leoir a dh’ ite ’n eoin An ordugh mar is maith leat i. Dh’ fheumadh e bhi calm, agus Earbsach gum bu ghaisgeach e, Fear a gheabhadh ean-chuinn Gu dol a thairgse baiteil dhuit; ’S ann leat fhein a dhearbhta ’Bhi fear-bhuilleach, acfuinneach, Nuair reachadh tu fo’ t-armaibh Gu meamnach, dealbhach, tatarach. Thig bho t-achluis paidhir dhag Nach diultadh strad ’nuair bheanadh i Do dh’ fhudar sgairteil nach ob lasadh Luaidhe bhras na deannuibh leis, Biodag ghlas bu chairgneach cas Gu tairgneach, cnapach, meallanach, Bhidh sid air t’ fhasdadh, ’s lann ’chinn aisnich ’S gaoirdean gasda leanadh i. Nuair dh’eireas bratach riomhach A Choirneil rioghail Earrachdaich, Ga sgaoileadh ri crann direach An àm dol sios gu caithreamach; A fiuran gasda dileas Mar mhaighdean air thi leannanachd, A dol an coinnibh namhaid A’s tart gu tradhadh fal’ orra: [TD 29] Piobach, drumach, cruas nam buillean, Fuaim gach gunna thaitneadh riut, Snapach, guineach, ealamh, ullamh, Ann an cumail batailte, Dol gu cumasg, ’s leat an t-urram, ’S tu gun chunnart faiteachais: Bu mhaith san Fhraing do lamh ’s do lann, A’s b’ fheairde ’n camp na ’m faict’ ann thu. Oran do na Ciobairibh Gallda. In Gaelic Heroic Measure. THAINIG oirnn do dh’ Albainn crois, Tha daoine bochd nochdta ris, Gun bhiadh, gun aodach, gun chluain; Tha ’n airde tuath an deigh a sgrios: Cha ’n fhaicear ach caoirich a’s uain, Gaill mu ’n cuairt dhoibh air gach slios; Tha gach fearann air dol fàs, Na Gaidheil ’s an ceann fo fhliodh. Cha ’n fhaicear crodh-laoigh air gleann, No eich, ach gann, a’ dol an èill; ’S ann do ’n fhaisinneachd a bh’ ann Gun reachadh an crann bho fheum: Chaidh na sealgairean fo gheall, ’S tha gach cuilbheir cam, gun ghleus: Cha mharbhar maoisleach no meann, ’S dh’ fhuadaich sgriachail Ghall na feidh. [TD 30] Cha ’n ’eil àbhachd feadh nam beann, Chaidh giomanaich teann fo smachd; Tha fear na cròichdeadh air chall, Chaidh gach eilid a’s mang as: Cha ’n fhaighear ruagh-bhochd nan allt, Le cù seang ga chur gu strath; An eiric gach cuis a bh’ ann, Feadaireachd nan Gall ’s gach glaic. Cha chluinnear geum ann am buailidh, Chaidh an crodh guaillfhionn a suim; Cha ’n eisdear luinneag no duanag, Bleodhain mairt aig gruagaich dhuinn: Bho ’n chaidh ar cuallach an tainead, ’S tric a tha padhadh g’ ar claoidh, ’N àite gach cairdean a bh’ againn, Luinnseach ghlas am bun gach tuim. Mar gun tuiteadh iad fo ’n chraoidh, Cnomhan caoch ’dol aog sa bharrach; ’S ann mar sid a tha seann daoine, ’S clann bheag a h-aoguis bainne; Thilgeadh iad gu h-iomall cùirte, Bho ’n dùchas a bh’ aig an seanair; B’ fhearr leinn gun d’ thigeadh na Frangaich A thoirt nan ceann do nu Gallaibh. Dh’ fhalbh gach pòsadh—threig gach banais— ’Sguir an luchd ealaidh bhi seinn; Chuala sibhse tric ga aithris, “Caidseirean a teachd air cleibh;” ’S ionnan sid ’s mar thachair dhomhsa, Cha dean iad m’ fheoruich air feill, Far am b’ abhaist dhomh bhi muirneach, ’S fearr leo cù ga chuir ri spreidh. [TD 31] Gach aon fhear a fhuair lamh an uac[?] Dh’ fhogair iad uatha gach neach A reachadh ri aghaidh cruadail, Na ’n tigeadh an ruaig le neart: Na ’n eireadh cogadh ’san rioghachd, Bhiodh na Ciobairean na ’n airc; ’S e sid an sgeula bu bhinn linn, Bhi ga ’n cuir gu dith air fad. Eiridh iad moch la sàbaid, ’S tachraidh iad ri cach-a-cheil’, ’S nuair a shìneas iad air stòiri, ’S ann g’ an comhradh, tighinn air feur, Gach fear a faoidhneachd ga nabuidh, “Ciamar sin a dh’ fhag thu ’n treud? Ciod i phris a rinn na muilt? No ’n do chuir thu iad gu feill?” “Cha ’n aobhar talaich am bliadhn’ e, Rinn iad a sea-deug a’s còrr; Ma tha thus’ ag iarruidh fios air, Cheannuich mi ’mhin leis a chloidh; Dh’ fhalbh na crogaichean air dail; ’S ma ghleidheas mi ’n t-àlach òg, Ge do gheabhadh trian diu ’m bàs, Ni mi ’màl air na bhios beo.” Nuair dhireas fear dhiu ri beinn, An àm dha eiridh gu moch, Bidh sgread ghallda ’m beul a chleibh, ’G eigheachd na deigh a chuid con; Ceol nach b’ eibhinn linn, a sgairt; Bracsi na shachd air a chorp; E suainte na bhreachdan glas; Uaimh-mheulan na fhalt ’s na dhos. [TD 32] Nuair thig e oirnn sa ghaothidh, ’S mairg a bhios air taobh an fhasga, Cha ’n fhaod fhaileadh a bhi caoin, ’S e giulan na maoidlean dhachaidh; ’S tric e ga fhoileadh ’sa ghaorr, A sios bho chaol-druim gu chasan, ’S ga be reachadh leis a dh’ òl, ’S fheudar dhoibh an stròn a chasadh. Nuair shuidheas dithis no triùir ’S an tigh-òsda ’n cuis ’bhi reidh, Chitear aig toiseach a bhuird, Ciobair agus cù na dheigh; Bu choir a thilgeadh an cuil, ’S glùn a chur am beul a chleibh, Iomain a mach dh’ ionnsuidh ’n duin, ’S gabhadh e gu smiùradh fein. ’S olc a chuideachd do chàch Neach nach abhaist a bhi glan; Cha chompanach dhaoine ’is fiach Fear le fhiaclan a spoth chlach, Ann an garbhuaichd air a ghluinean, Le chraos ga ’n sùghadh a mach; ’S ma leigeas tu ’n deoch ri bheul, Na dheaghaidh na fiach a blas. Amach luchd chràgairt na h-òluinn, Ma ’s a h-àill leibh comunn ceart! Druidibh orra suas a chomhla, ’S na leigibh a sròn a steach: Bho nach cluinnear aca ’stòiri, Ach craicinn agus cloimh ga creic, Cunntas na h-aimsir, ’s gach uair Ceannach uan mu ’n d’ theid am breith. [TD 33] Suidhidh sinn mu bhòrd gu h-eibhinn, Gu ceolach, teudach, gun smalan, Caoimhneil carrantach ri cheile, ’S na biodh aon do ’n treud n’ ar caraibh; Olaibh deoch-slainte Mhic-Coinnich, ’S Choirneal loinneil Ghlinne-Garradh, Chionn gur beag orra na caoirich, ’S luchd dhaorachaidh an fhearuinn. Deanuibh gloineachan a lionadh, ’S gun di-chuimhn’ air Fear-an-Earrachd, Bho na’s maith leis maireann beo sinn, ’S gun am por ud a thighinn tharuinn; Na seasadh uaislean na rioghachd Cho dileas ri cairdeas Ailein, Cha bhiodh an tuath air a sgaoileadh, Ga ’n cur gu h-aoigheachd a dh’ aindeoin. Oran Leannanachd. AIR FONN—“Gaol am Beatanach sughor.” NA faighinn gille ra cheannach, A bheireadh beannachd gu Mairi, ’S mo shorruidh le caoimhneas A dh’ fhios na maighdinne ’chraidh mi; Ga nach d’ thug mi dhuit faoidhrein, Ann am foill dhuit cha d’ fhas mi: ’S mar a maith leam thu fallain, Nar a mheall mi mo shlainte! [TD 34] Nar a mheal mi mo chota, Mar be mo dheoin a bhi lamh riut, ’S a bhi briodal ri ’m leannan, An seomar daingean na clairidh, An iuchair fhaotainn am’ phòca, ’S gun an tòir a bhi laimh ruinn, ’S mi gun deanadh do phògadh, Gun fheoraich do m’ chairdean. Gun fheoraich do ’m chairdean, ’S fada a dh’ fhalbhuinn a d’ choinnibh Far an deanainn riut comhail, Cha bhidhinn beo gun a cumail: Tha mo dhuil ann sa mhaighdinn Nach treig do chaoimhneas mi uile; ’S mar do chaochail thu abhaist, Gheibhinn t-fhàilt ’ agus t-fhuran. ’S e t-fhuran a leon mi A dh’ fhag am bronsa air m’ aigneadh, A thromaich m’ inntinn fo’ èislein, Cha dean mi eiridh le gradadh: Tha mo chridhe neo-shunntach, Tha mi bruite fo ’m aisnean, Aig a mheud ’s thug mi ’ghaol duit, ’S nach fhasd sinn ’bhi tachairt. Nach faod sinn ’bhi tachairt An aite faluich no ’n uaigneas, Far an deanuinn riut beadradh, A ’s tacan cleasachd air uairibh: Ach se laguich mo mhisneach, Nach faod mi tric ’bhi mu ’n cuairt dhuit; B’ fhearr a phog na ’bhi falamh, Mar a faigh mi do bhuannachd. [TD 35] Mar faigh mi do bhuannachd, B’ fhearr gu ’m buailte mi thairis, Gun càirte fo ’n lic mi Ann an ciste chaoil dhaingean: Ma ni thu mo threigsinn, B’ fhearr gun eugainn, ’s nach fhanuinn; Aig a mheud ’s thug mi ’speis dhuit, Cha ’n ’eil m’ eibhneas air thalamh. Cha ’n ’eil m’ eibhneas air thalamh, Mar a faigh mi thu ’Mhairi! Cha dual domh bhi fallain Ma bhios mi fada mar tha mi: Cha ghuidhinn mo ghalar Do m’ charaid no ’m namhaid; Chaidh acaid am chridhe, ’S cha dean lithichean sta dhomh. Cha dean lithiche sta dhomh, Cha ’n fhaigh mi plasda ni leigheas: Tha mo thrioblaid do-thuigsinn, Do dh’ fhear nach d’ fhairich a leithid; Mar dean thusa rium fabhor Bidh mi craiteach fo dheireas; Ach ’s e ’dheanadh mo shlainte, Pog no dha bho d’ bheul milis. Beul milis, dearg, daite, Deud snaighte mar dhisnean, Suil ghorm is glan sealladh Fo ’n chaol mhal’ aig an ribhinn: Tha cul buidhe mar òr ort, Is boidhche na ’n dithein; Blas na meal’ air do phogan, ’S be mo dheoin bhi riut sinnte. [TD 36] Be mo dheoin a bhi sinnte Ri slios min-gheal mo leannain, Tha do bhraighe mar fhaoilinn, ’S tha do thaobh mar an eala: Ciochan corrach, ’s iad liontaidh, Air uchd priseil na h-ainnir; ’S maith thig neapaicinn shioda Gan cumail diomhair am falach. Ge d’ chum mi falach a sgeul ud, Tha mi ’n deigh bho chionn treis ort; Aig a mhiad ’s thug mi ghaol duit Tha m’ aodunn air preasadh: Dh’ fhas glais’ ann am ghruaidhibh, ’S bochd a bhuaidh th’ air an t-sheirc sin, A chaochail mo shnuagh dhiom, Mar dhuine truagh ’thig a teasaich. Mar dhuine truagh thig a teasaich, A bhiodh fad ann am fiabhras, ’S ann a dh’ fhas mi mar fhuathaiche, Cho cruaidh ris an iarunn: Ach bho thoiseach air sinnsridh, ’S ni e thigeadh gun iarruidh, An gaol agus eagal, ’S gun leith-sgeul an t’ iadach. Cha ’n ’eil mi ’g iadach an drasta, Ge do tha mi fo’ smalan, Fo’ eagal le curam, Gun dean thu lubadh le balach Nach paigheadh an’ t-umhladh, ’Sa bheireadh cuis dhiot a dh’ aindeoin, ’S nam biodh t’ fhuran aig Ciobair, ’S ann lium fhin ’b olc an airidh. [TD 37] ’S ann lium fhin b’ olc an airidh, Ma mheallar an og bhean, Le buachaille chaorach, ’S mis air faoin-traigh gu m’ fheoruich: Mar faigh mi cuireadh gu d’ bhanais, Airson carrantachd eolais, Mo bhios mi na dheigh maireann, Ni mi fathast dhuit òran. Oran do ’n Mhaighdinn cheudna. GUR a mis ’tha fo airtneul Bho mhaduinn Diciadain; Bho na ghluais mi air astar, Gu bheil m’ aigne fo’ chianal, Nach do ghabh mi mo chead diot ’N àm dhomh greasad a t-fhianuis; Ach gabh’ thusa mo leisgeul, Cha robh e deas dhomh ri dheanamh. Och nan och! ’s mi gu craiteach, ’S trom a tha mi fo mhulad, A bhi fagail na dùcha ’S mo chul’aobh ri m’ chruinneig, Bean na meall-shuilean miogach A dh’ fhag m’ inntinn gun fhuran; Dh’ fhalbh mo shugradh ’s mo mhanran, Gun bhi laimh riut a fuireach.* * An Luinneag ri bhi air aithris an deigh gach rann. [TD 38] Gur a mis tha gu craiteach A falbh air bàta dudh daraich; ’S olc caramh mo chota Measg corcaich a ’s tearra: B’ fhearr bhi ’n gleannan an fheoir A briodal phog air mo leannan, Na bhi falbh air a bordaibh ’S gun mi eolach mu balluibh. Gur a mis ’tha fo’ mhi-ghean, A’ tighinn air tir am port Asgaig, Ri bhi cuimhneachadh manrain Mairi bhàn an fhuilt chleachduich: Ge do gheibhinn coir sgriobhta Air Ille fo beartas B’ fhearr lium furan do phoige ’S t-fhaodainn pòsda le ceartas. Bho na thainig mi’ n tir so Cha ’n eil mi titheach air cadal; Bu tric a dusgadh an raoir mi, Le sgaoim air mo leabuidh: Ri linn dhomh fhaicinn am bruadar, Mo luaidh a bhi ’m thaice, Ann sa mhaduinn nuair ghluais mi, B’ fhada bh’uam i ’s tir Abruich. Greis air mhìre, ’s air mhanran, B’ e sid m’ abhaist ’s mo chleachdadh Ann san tir a’ bheil m’ eolas ’Measg na h-oigridh dh’ fhas taitneach: Ach lion mulad ’s liunn-dubh mi, Tighinn romh shruth Choire-Bhreachdain; ’S lium a b’ fhearr na mo chota Bhi ’n taice Lochaidh nam bradan. [TD 39] Gur a mor mo chuis mhulaid, ’S goirt lium trumadas m’ achdain, Eallach throm air mo mhuinneal Tha m’ chumail bho ’n chadal; Chaidh acaid a m’ chridhe ’S cha toir lighichean as i, Ach tha mo dhuil ann a’ m’ shlainte, Ma tha ’n dàn dhomh dol dhachaidh. Oran do Mhac-Pharlain, Piobaire Mhic-Ic-Alastair AIR FONN—“An Comunn Rioghail Runach.” MO shoruidh gu Mac-Pharlain, A’s dh’innsinn da gu luath, Nam b’ fhear a dheanadh facail mi, Gun d’ thugainn ionnsuidh sgairteil air, A dh’ innse roinn ga chleachduinnean, A’s pairt ga dhreach ’s ga shnuagh, ’Ghruaidh mar chaoran, ’shlios mar fhaoilinn, ’S i ri taobh a chuain. Suil chorrach ghorm, ’s i liontaidh, Fo d’ mhalaidh ghrinn gun ghruaim; Do dheud mar chailc no iobhrabh, Cho snaighte ris na disnean, ’S a bheul a labhradh siobhalta Le firinn anns gach uair, Iomhaigh mhaiseach, ’s lionmhor tlachd, Cha laidh ort gart an fhuachd. [TD 40] Gur maith thig feileadh breachdain dhuit, Am pleatadh ann an cuaich, Paidhir dhag fo t-achlaisean, Biodag air chrios acfuinneach, Lann thana ghorm chinn aisnich, ’S i le faobhar sgaiteach, cruaidh; ’S mairg a choisneadh ort am buille, ’S urrainn thu ’thoirt uait. Nuair theid am feadan riobhach Fo d’ mheoir is dionaich fuaim, A’ roinn ciuil bho ’n t-shiunnsair iongadach, Gu siubhlach, luthmhor, ioraltach, Gu pongail, fonnmhor, innealta, Bho d’ riobhaid ga chur suas, ’S tearc ri fhaicinn fear do choltais, ’S toirm nan dos ri d’ chluais. ’S cuis shòlais bhi ga t-eisdeachd, ’S tu ’s binne gleus na chàch, Gun strì no spairn fo t-aodach ort, A cumail deo ri gaothairibh, Le seideagaibh neo-shaoithreachail, Gur blasda caoin do chluain; ’S eibhinn t-iolach, seinn le grinneas, Bileach, milis, cruaidh. Nuair ghluaiseas tu gu h-aigeannach Air mhadainn gu parad, Le d’ cheum eutrom, bearraideach, Do chruit ga spéiceadh, farumach, Toirt fàilt do ’n Choirneal Gharrannach Gu caithreamach fo d’ laimh; ’S glan do thorman, ceolmhor, stoirmeil, ’S tu cuir foirm fo chach. [TD 41] Do phearsa chumbach, mhileanta, Bho chrùn do chinn gu d’ bhonn; A chleachd a bhi ’m beachd inntinneach, Gu reachdmhor, neartmhor, rioghalach, Comh-thional feachd a piobaireachd Le d’ phuirt is lionmhor fonn; ’S fada chluinnte fuaim do chaismeachd, ’Sgairt nam feadan toll. Thig boineid agus fabhor air Fear ard is aillidh gruag, Cul-dualach nan cuach sar-mhaiseach, Gu cam-lubach, cas-fainneagach, Le sioda ’s riobhaich caramh air, Bho bhunn gu bharr a nuas; ’S deas fo sgarloid deagh Mhac-Pharlain, Dol an lathair sluaigh. Sar cheannchadair na dibhe thu, Nuair a shuidh tu s’ tigh-òsd; Air bord cha stòp a thaitneadh riut, Bidh fion ga òl gun airceas leat, Gun ghoinn’ air òr ga spapadh ris, Nuair thachras da bhi d’ chòir; O! lamh ga riachaid, ’s cridhe fialuidh, ’S e do mhiann bhi mòr! Tha do bheusan giulanta, Gu d’ chliu a chur an liad, Ro cheart an cleachdadh ionnsuichte, A gluasad ’s gach ceum curamach, Co faicleach ris a stiùradair, ’S e ’g amharc dlu nan Nial; Eolach, fiosrach, le sar-mhisnich, Measail anns gach gniomh. [TD 42] ’S eibhinn an tir àbhachdach An d’ fhuair thu t-àrach òg, Mu Urchaidh nam breachd tarr-gheala, ’S a ghleann ’m bi feidh a’s earbainnean, Am faicte fleasgaich mhearr-chasach A dheanadh sealg gu leoir. Am beinn ’s an amhuinn spurt ga ghabhail, Aidhearach le spòrs. ’Sguiream anns an uair so dhiot, A’s druideam suas mo ghlòir: Is saighdear ri uchd cruadail thu— ’S comh-lionmhor éuchdan fuaighte riut, ’S nach urrainn mise a luaidh A liughad buaidh a th’ ort, ’s cha bhosd; Dhiult a sas’nnach dol a d’ bhualadh, Ge bu chruaidh a dhorn. Oran do ’n chuideachd ’thogadh am Brudhach-Mairi, do ’n goirear “VOLUNTEERS LOCHABER”, ’s a bhliadhna 1795. AIR FONN—“An àm dol sios bhi deonach,” &c. NA fir ùra shundach, shochdrach, Mheamnach, thoirteil, dhealbhach, Gu calma sheasas, garg na ’n treise, ’Dol gu deas fo ’n armaibh: Gu h-ordach, sradach, gunnach, dagach, ’Theid gu grad na sealbhaibh, Na Volunteers a Lochabar ’Thog a bhratach ainmeil. [TD 43] Fhir na Sròine bho Shrath-Lochaidh! Chomhduich thu bhi dileas, Gu neartmhor, fearail, ceart a d’ ghealladh, Cha bu mhearachd innse; A chraobh do ’n darach, ’s ùr an gallan, Uasal, fallain, rioghail, ’S do bharandas ann a d’ phòca Bho Righ Deòrsa sgriobhta. Sheas thu ’choir gun tionndadh cleochd, Ri d’ bheo cha dean thu diobairt, Air thùs a chomhlain ri uchd comhraig, B’ eolach air dol sios thu; An cath ’s ann cumasg, a threun-churiadh! Bha do bhuille cinnteach; Chual’ a’s chunnaic ioma duin’ e, Bha na ’n urrainn innseadh. ’S e brigh mo sgeula, na fir threuna Dh’ eirich anns an tìr so, A theid air ghleus a reir a cheile, ’S maith gu feum do ’n Righ iad: Gheibh sibh reith bhur n’ airm ’s ’ur n’ eideadh, Claoidhean geur a’s pìchdean; Gu dol am feachd, ann gleachd, na ’n streup, Gar n-uidhir fein cha striochd sibh. ’S ann di-luain a nochd a sluagh A bhratach uasal riobhach, An cular buadhail, mar bu dual doibh, Dh’ aindeoin fuath no mioruin; ’S maith bhur duais gu seasamh cruaidh, A chumail suas na rioghachd; Tha bhur cliu an Albuinn uile, ’S thig bho Lunnuin cìs duibh. [TD 44] Ainm gach fine theid ’s an iomairt, Cha robh ’n gintinn iosal, B ’e mo mhiann-sa ’n cuir an rioghailt, Mar a dean mi di-chuimhn’, Cam’ronaich nan sròl ’s nam bratach, ’S cloinn Lachuinn nam pìosan; Stiùbhartaich air thùs a ghaisgidh, Fiùrain ghasda dhireach. Theid an rann so ann an ordugh, ’S i gun bhòsd ach firinn, Na bheil agaibh do chloinn Dòmhnuill, ’S doigh nach faguinn shios iad; Nuair chruinnicheas a chòmhail, Gach aon seòrs ’tha cinnteach; Tha ’n Surveyor ’s an Comptroller Deonach air bhi dileas. Cia mar theid na h-uaislean cruinn, Gun Lindsay ’bhi san àireamh, Ga ’n ainm Cailein MacIlliùntaig, Le thionndaidh an Gaelic: Cairdeas nam fear nach do dhibir An Righ no luchd-àitich, Bho ghleann Aora nan sruth lionmhor, ’S bho chrich Earraghaidheal. Thig Cloinn an t-Shaoir nach aom le fiamh, ’S gur ann diubh Niall a’s Padruig, Air an d’ thig na h-airm gu sgiamhach, ’S dionadach na braithrean, Gu foinnidh, fearail, gramail, fialuidh, Gun dith gniomh no fàsa, Gu dol an reang na Volunteers, Fir ghasda nan ciabh fainneach. [TD 45] ’S maith Cloinn Mhaoilein air ar taobh, ’S bu daoine ri h-uchd stri iad, Nuair dh’eireadh feachd, bu treun an neart An taice Chloinne Phithe; Garg an streup a cur le cheile ’S e bu bheus ga’r sinnsreadh, Le lannaibh geura, ’s iad air ghleus, A’ cur ri feum neo-dhiblidh. Thig Eoghan Gray, ’s gur feaird bhur buaidh An seobhag uasal riobhach, A’ tarruing suas fo t-airm gu h-uallach, ’S cruadalach a stri thu; Bho d’ chuilbheir glaice ’s lasrach fuaim, Bi’dh rith do luaidhe cinnteach, ’S maith thig trasd air chul do chruachunn, ’S cruaidh-lann a chinn Illich. Cha ’n fhag mi aon agaibh an cleidh, ’S gur freagarrach na Gaidheil, An uair a thig gach dream fo ’s leth, ’S iad maith gu seasamh larach; ’S leibh Mac-Grigoir a’s Clann Artair, ’S beachdaidh sliochd an tàileir; Archy Wilson a’s Mac-Còrnaig, Diubhail mhor na ’m fagt’ iad. ’S ge d’ tha Mac-a-Phearsain, Dòmhnull, Gun a sheorsa làmh ris, Tha iad fathasd mar bu choir dhoibh, Neartmhor, cròithe, làidir, Eadar Baideineach a’s Cluainidh, Far ’m bu dual ga ’n àireamh; ’S iad nach diultadh eiridh suas Gu dol a bhualadh nàmhaid. [TD 46] Tha Clann a Bhòdaich ealamh, seòlta, ’Dhol san toir, neo-sgathach, Na gallainn òga ’s ro mhath fòghlum, ’S eolach air pàrade sibh; Ga ’n toirt gu doigh an coltas gleois, Gur maith gu seoladh chàich iad, Ga ’n cuir an ordugh mar is coir dhoibh Toiseachadh ’s na blàruibh. A Mhic-an-Tòisich nan seol grinn, ’S tu ’s siobhalt ann a t-abhaist, ’S maith do ghleus air muir ’s air tir, ’S do ’n Righ cha ’n ’eil thu failinn; Sgibeir fairge ri la garbh thu, B’ earbsach as do laimh mi, Eadar Eirinn agus Albiunn ’S tric a dh’ fhalbh thu dana. ’S eibhinn turus nam fear uile, ’Bhuineas do Bhruch-Mairi, Dh’ eirich ullamh air ghleus guineach, ’S urramach a phàirtidh; Bha ’n ceum cho duineil, ’s cairdeas tuilleadh Bho Lunnuinn gu bràth e; Cha bhi cuid na taing ga’r dith, ’S e ’n Righ a ni air paigheadh. Faigh a nuas dhuinn pinnd, ’s cha bhotul, ’S costaidh sinn a dhà dhiu, ’Chum ’s gun òlamaid an tosda Fosgarra le càirdeas; Air chù’nant fortain, cul ri bochduinn, Sochdair agus slàinte ’Bhi aig an treud a theid air chosnadh, Ma thig force an nàmhaid. [TD 47] Oran do ’n Mhisg. Air an fhonn cheudna. AN àm dhomh gluasad anns a mhaduinn, Cha ’n ’eil m’ aigne sunndach, ’S e mac-na-bracha ’rinn mo leagadh Ann an leabuidh dhùinte; Mo chliabh na lasair, air a chasadh, ’S airtealach mo dhusgadh, ’S e sud an gleachdair fhuair fo smachd mi, ’S dh’ fhag e m’ aisnean bruite. Nuair a shuidh sinn san tigh-òsda, Chaidh na stoip thair chunntas, Gu tric a tighinn, cha bu ruighinn Iad na ’n ruith a m’ ionnsuidh, Gun iarruidh dàlach ach sior phaigheadh, ’G òl deoch-slainte ’Phrionnsa; ’S cha ’n iarrainn fein a dh’ aobhar ghaire, Ach Ràdhall a toirt cliu dhomh. Nuair a ghluais mi gu tighinn dachaidh, Lagadh a chionn lùiths mi, Gun d’ fhalbh mo neart gun leirsinn cheart, Gun chaill mi ’m beachd bha m’ shùilibh; Feadh na h-oidhche ’s mi gun soillseinn Air mo shlaoichd ’san dùnan; Cha robh air chomas domh ach àrrusg, ’S bha mo chairdean diùmbach. [TD 48] ’S leir dhomh ’n diu gur mor an tàmailt Càch a bhi ga m’ ghiulan, ’S mi fein an duil gun robh mi laidir Gus an d’ fhag mo thùr mi; Ge do chuir i ’n éis mo cholunn, ’S e mo sporan ’dhiubhail Air gniomh na misge ’shlaid gun fhios mi, Mar d’ thig gliocas ùr dhomh. ’S olc an ealaidh bhi ga leanailt, ’S aimideach an tùrnn ’bhi ’Suidh’ air bhord a glaodhaich òil, ’S mo phòcannan ga ’n tionndadh, A’ sgapadh storais le meud-mhoir Ag iarraidh phòg ’s na cuiltibh; ’S fad sa mhaireadh mo chuid òir, Cha chuireadh òsd-fhear cùl rium. ’S coir dhomh nise thoirt fos’ near An t-aithreachas a dhùbladh, Mo bhoid gu gramail thoirt a’n Eala, Dh’ fheuch an lean mo chliu rium; Cha d’ theid diar a stigh fo m’ dheudaich, ’S feudar tighinn as iùnais; Cha ’n fhaigh fear falamh seol air aran Ach le fallas gnuise. Labhair Raonull—“Na biodh sprochd ort, ’S theid mi nochd air ionnsuidh, Gleidhidh mi dhuit bean a’s tochradh, Cho coltach ’s tha ’s duthaich; Ge do bhiodh tu gann do stochd, Na faicear bochd do ghiulan; ’S c’arson nach glaodhamaid a’r botul Ann an toiseach cùmhnant?” [TD 49] A misg-fhear a freagairt. “Gur a caraid thu ro-dhearbhta, ’S cha ’n ’eil cealg a’ d’ rùn domh, Gu cinnteach dh’ fhaoduinn-sa riut earbsa Sealbhachadh ’sa chuis sin; Ge do ghleidheadh tu dhomh céilidh, Ga ’m biodh spreidh ri chunntas, Cha d’ theid diar tuillidh dheth fo m’ shròin, Gu bheil mo sgòrnan duinte.” Raonull. “Ge do chuir thu cul ri m’ thairgse, ’S dearbh gun deanuinn saothair, ’S fada shiubhlainn oidhche romham, ’Chionn do ghnothach fhaotuinn; Maighdean ’thigeadh air do leabuidh Mar a chleachd do dhaoine; ’S bho nach toigh leat bhi g’a h-innseadh, ’S tiomail dhuinn bhi sgaoileadh.” Duanag do ’n Uisge-bheatha. THA faileadh gun fhotas bho ’chneas Mhic-an-Toisich, Chuireadh blàths’ ann am pòraibh, là reòt a’s gaoth tuath. O! sid i ’n deoch mhilis nach tilleadh-mid uainn, Chuireadh blàths’ air gach cridhe, ge do bhitheadh iad fuar: O! sid i ’n deoch mhilis nach tilleadh-mid uainn.* * An Luinneag ri bhi air aithris an deigh gach rann. [TD 50] Bu taitneach an ceol a bhi g’ eisdeachd a chrònain, Ga leigeadh a stòp, a’ cuir croichd air a chuaich. ’S e gogail a choilich ga ghocadh ri gloinidh, Ceol ìnntinneach, loinneil, a thoilleadh an duais; Ma chreidear mo shean’chas, bu mhaith leinn ’bhi sealg ort, Le h-urchair gun dearmad, fras airgid mu d’ chluais. Nuair chluinnte do ghlugan ga tharruinn a buideal, Bu mhaith leis na slugain a fliuchadh gu luath. ’S tu culaidh an dannsa nuair thigeadh an geamhradh, A bheireadh air seann duine ’cheann thogail suas. Bu mhaith thu air banais, ga ’r cumail na ’r caithris, Nuair bhitheadh luchd-ealaidh ri caithream na ’r cluais. Be sid an stuth neartmhor, dh’ fhas misneachail, reachdmhor, Ni thu saighdear do ’n ghealltair, ’dhol a spealtadh nan cnuachd. Sùgh brìgheil na tairnne bho fheadan na pràise; Tha thu spioradail, laidir, ’s maith do chaileachd ’s do shnuagh. Ann an coinnibh, ’s an comhail, bheir thu daoine gu comhradh, ’S binn luinneagan t-orain mu bhord ga ’n cuir suas. Tha thu cleachdta ’s gach dùthaich, ’n àm reiteachadh cùmhnant, Ma bhios sinne as t-iunnais, dh’ fhalbh ar sùgradh ’s an uair. Tha thu a d’ lighich’ neo-thuisleach, maith a dh’ iarruidh gach cuisle, Cha ’n ’eil iarmailt no duslach air nach cuireadh tu [?] [TD 51] Cha ’n ’eil eugail na fàilinn ’tha ’n clannaibh nan Gaidheal Nach toir thu gu slainte, ’s theid do phaigheadh a d’ dhuais. Nuair ’shuidheadh-mid sochdair, ’s e ’ghlaodhadh na bodaich, Cha b’ ionnan ’s am brochan, thoir boslach dhe’nuas. Oran Gaoil. THA mo chionn air mo leannan, ’S guirme sùil, ’s is caoil’ mala, Gruaidh mar chaoran air chrannaibh, Mar an ròs do bheul tana, Tha do shlios mar an Eala, No mar chainchein ’s an earrach, ’Bhiodh a cinntinn an gleannaibh an fhàsuich. Bhiodh a cinntinn, &c. ’S lionmhor buaidh ort ri aithris, Do chul-dualach, donn, clannach, Sùil liontaidh, ghorm, mheallach, Mar dhrùchd air bharr meangain, Ann an aghaidh gun smalan, Dhuit a thug mi ’n cion faluich, ’S cha ’n innsinn do charaid mar tha mi. ’S cha ’n innsinn, &c. Ciochan liontaidh, geal, solach, ’Tha air cinntinn gu corrach, [TD 52] Fo shìod air do bhroilleach, Muineal bàn air uchd soluis, Aghaidh nàrach gun doirionn, Sùil àillidh ’s glan sealladh, Fo d’ chaol mhalaidh gun chromadh, Mar ite péuchdaig, is soilleir a’ sgathan. Mar ite péuchdaig, &c. Thig sid ort, ’s cha mhearachd, Brog bhileach ga teannadh; Agus stochdaidh mar chanach, Air do chalpannan geala; Deud ghrinn a d’ bheul tairis, Mar dhisnein air gearradh; Tha do phògan mar chaineal, ’S be mo mhiann a bhi ’mealladh uait pairt dhiu. ’S be mo mhiann, &. Gur a maith ’thig an gùn dhuit, Anns gach fasan is ùire, Le staidheas ga dhùnadh; Ceum eutrom air ùrlar, A dhannsadh gu sunndach, ’S a fhreagradh gu lùthmhor; Nach mearachdaich tionndadh, Agus mise toirt ciùil dhuit; Dh’ aithn’inn farum do bhuinn air a chlàiri. Dh’ aithn’inn, &c. ’S lionmhor maise ’toirt cliù ort, ’S criodhail aobhach do ghiùlan, ’S tric mi smuaintinn do shùgraidh, ’N àm dhomh cadal a’s dùsgadh: Ort cha cheilinn mo rùine, Leat a dh’ fhaguinn mo dhùthaich, [TD 53] Na ’m faighinn ort cùmhnant, Agus gealladh bho d’ dhùrachd, ’Be mo mhiann-sa do phùsadh a màireach. ’Be mo mhiann-sa, &c. ’N àm leigeadh na spréidhe, Do ghuth òrain gu ’m b’ eibhneach, Le m’ chluais ’bhi ga d’ eisdeachd, Mar smeòrach na geige, Am maduinn dhrùichd anns a cheitein, Mac-talla ’cur beus leat, Mar fhiodhull fo teudan A’ seomar mullaich nuair ghleusda gu h-ard i. A’ seomar, &c. Anns a mhaduinn, ’s mi dùsgadh, Laidh sprochd air mo shùgradh, ’S goirt an achdaid a chiùr mi, Gun ’bhi d’ chaidribh a’ tionndadh; Ma thug thu do chùl rium, ’S nach dean thu lium lùbadh, ’S ann an tasguidh ’s an ùir theid mo charamh. ’S ann an tasguidh, &c. Ge do gheibhinn do dh’ earras, Na tha dh’ òr aig MacAilein, B’ fhearr bhi ’briodal ri ’m leannan, Ann an seomraichibh daingean; ’S e do ghaol th’ air mo sgaradh; ’S ma ni thu mo mhealladh, Cha dual domh nach fannuich mo chàileachd, Cha dual domh, &c. Cha ’n iarrainn-se dh’ éibhneas Fo chruinneadh na gréine, [TD 54] Ach t-fhaotuinn a d’ leine, Le toil eaglaise a’s cleire; Ar cairdean le cheile ’Bhi faicinn at réiteach; Ma ’s a deonach leat fein e, Na d’ thoir dhomh ’n éura; Leat a thillear bho eug mi gu slainte. Leat a thillear, &c. Trom-cheist air an rìbhinn— Chaidh na facail so sios ort; Tha e soilleir ri innseadh Co fine as ’n do chinn thu; ’S ro mhaith b’ aithne dhomh fhin sid, ’S cha dean mi do dhiobradh; ’Cheart aindeoin luchd mi-rùin, Bidh mise riut sìnnte ma ’s àill leat. Bidh mise riut, &c. An leabuidh chlàiribh gu daingeann, Gu dluth air a sparradh, Bho urlar gu h-anuinn, Far an càirinn mo leannan; Bhiodh mo lamh fo d’ chùl cannach, Air do bheul a bhiodh m’ aire, Briodal phògan gu tairis, Ghabhainn còir ort a dh’ aindeoin mo chairdean. Ghabhainn, &c. [TD 55] Oran do Chéilidh Nuadh phòsda, air dhi dol air thurus. AIR FONN—“Gur grad am bruadar,” &c. GACH la fo phramh dhomh, ’s gun fhios aig cach air, Cha dean mi manran, ’s cha seinn mi ceol; ’S mo chéilidh ghnathuichte thug a lamh dhomh, Gun deach’ an dràsda dhomh dàil a d’ phòig: Cha leannan diomhair ga ’n d’ rinn mi striochdadh, Na ’thromaich m’ inntinn fo mhile leon, Ach iarguinn caoimhneis mo chéilidh thaoibh uam, A dh’ fhag gun sgoinn mi gach oidhch’ a’ bròn, Cha b’ ann le àrdan a dh’ fhalbh thu sraid uam, Cha tugainn grain dhuit gu bràth am dheoin; ’S tu ’s suairce manran, ’s is stuaime nàdur, Bho ’n fhuair mi fàinn’ ort, bu tlà bhi ’d choir: ’S e bhi ga t-iunndrain a leag mo shùgradh, Cha toir mi rùn do aon te tha beo; Mo chridhe bruite cho fad as t-ionnais, Bu tu mo dhiubhras air chul gach sgeoil. Tha mi fo ’ghruaman gach oidhche ’bruadar, Tha m’ inntinn luaineach, ’s mi air do thoir; Gach la fo chianal a’ bagradh liathaidh, ’S mur tig thu ’m bliadhna, cha ’n fhiach mo dhoigh: Cha ’n fhaigh mi te eil theid ’nigheadh m’ éididh, Ge d’ bhiodh mo leine mar bhreid a’m broig; Nach fada ’n geamhradh gun laidhe teann riut? Tha mi mar bhantraich an duine bheo. [TD 56] Ged fhuair mi òg thu, gun spreidh air lointean, Bha mise deonach do phòsadh reith; B’e sid an t-ordugh, ’s cha b’ aithreach dhòmhs’ e, Cha bheag do storas dhomh còir ort fein: Ma chinneas pàisdean, ’s gu ’n d’ theid an àrach, Ma gheibh sinn laithean ni iadsan feum; Gur maith dhuinn ann iad gu tarruinn teann oirnn, Ma thig an t-àm ’bhios an ceann na theinn. ’S e thug mo shnuagh dhiom ’sa dh’fhag mi ’m bruaidlein, Thu fad air chuairt uam, ’s nach d’ fhuair mi sgeul, Am bheil thu sabhailte mar a b’ àill lium, Am measg do chairdean, ’s do shlainte d’ reir: Mar d’ thig thu ’n tir so fo la Fheill-brìde, Gur ni tha cinnteach theid mi bho fheum; Is sgeula fior e, bho ’n ’s fheudar innseadh, Gur fada mios lium gun dol na d’ dheigh. Oran do Dhughall Og Mac-Lachuinn, mar gu ’m b’ ann le ’Leannan. AIR FONN—“Fhuair naidheachd as ur,” &c. Mo ghaol air an Lachunnach ùr, Gun togainn do chliù thair cheud; An àm dhuit suidhe ’s tigh òsd, Cha sgrùbair air bord thu fein: Cha b’ fhiach leat eigheach air stòp, ’N àm eisdeachd ri ceol nan teud, ’S ann ’chiteadh do bhotul a d’ dhorn Ga sgapadh le t-ordugh fein. [TD 57] Tha mais’ agus uaisle ann a d’ chom, Tha thu suairce, neo-lompais a d’ bheachd; Nuair theid thu air bharraibh nan tonn, ’S tu shabhaladh long le d’ neart; Maille ri spiunnadh do dhorn Ga ’stiùradh le h-eolas ceart; Nuair ghlacadh tu ’n ailm ann a d’ sgeith, Cha b’ eagal dith beud no airc. Gur lionmhor maighdean ghlan ùr, Ga maith do ’n d’thig gùn a’s cleochd, A dheanadh tu ’mhealladh le d’ shùil, ’S a bheireadh le rùn dhuit pòg; Do ghruaidh mar aiteal nan caor, Beul meachoir nach sgaoilteach gloir; Gu ’m b’ ait lium bhi sìnnte ri d’ thaobh, Cha b’ aindeoin, a ghaoil! ach deoin. ’S ann thug mi ’n cion-falach nach gann, Do ’n fhear a tha ’n geall air a mhuir; ’S tu reachadh am barraibh nan crann, Mar sheobhaig air ceann gach stuib; Ge d’ spìonadh an soirbheas no ghaoth, Le stoirm am fraoch as a bhun, Cha tiomaich, ’s cha mheatuich thu, ’laoich! ’S cha taisich ri aodunn sruth. ’S tu ghlacadh gu taichdeil an stiùir, ’N àm eiridh nan sugh ri bord, Cha chailleadh tu oirleach do d’ churs’, A’s marannan dlu fo sroin; Cha mharcach eich-sréine ’bhuidhneadh An reis ort, a Dhughaill òig! Nuair thogadh tu h-anart ri crann, Ag imeachd nan gleann fo seol. [TD 58] Bu taitneach do thurus do ’n bheinn, Le d’ ghunn’ air dheagh ghleus, a sheoid! Nuair chaogadh tu rithe do shùil, Bhiodh eilid nan stuchd fo leon; ’S tu leagadh an eal air an traigh, ’S a chuireadh bho shnamh na geoidh; Bho d’ luaidhe cha ’n eireadh iad slan, ’S cha b’ fhallain bho d’ laimh na roin. ’S tu nàmhaid a choilich ’s a gheig, ’S a leannan ri sgéith air chrann, Cha b’ fhallain a chàraid ag eiridh, Nuair lasadh do ghleus an deann: Fudar cruaidh sgairteil nach diultadh, Sradag an uird gun mheang; Spor gheur a bheoil thana bho ’n bhuth, ’S i ’n ceangail le scru gu teann. Oran do ’n t-Shuirdhidh. GUR h-olc an obair an t-shuirdhidh, Dh’ fhagas duine ’n iorghaill greis; Cha chuis ghlic a bhi ga leanailt, Mar a d’ theid a leannan leis: Fear ùr aice, ào-ill ù-o, Bheir iunnsaidh oirr’ ho-ill ò, Ga lubadh leis, ào-ill-ù-ò, ’S cha diult i ris, ho-ill-o. [TD 59] Togaidh mi tuilleadh do ’n t-shuirdhidh, ’S iomadh iorghaill rithe streap; ’S lionmhor drid-fhortan a bhuail mi, Ge nach d’ fhuair mi cnuachd no breab; Air àllaban, ào-ill-ù-o, Le faireachadh, ho-ill-o; Ri h-aimideachd, ào ill ù-o, ’S cuis fhanaid e, ho-ill-o. ’S i sid a cheird a bha gòrach, Thug i leonadh as mo mheas; A bhi ’n deigh air te gun storas, Mòran pròis aic’ as a gibht: Gu sùsdalach, ào ill-ù-o, Gu cùirteiseach, ho-ill-o; Cha tionndaidh i, ào-ill-ù-o, Ach stùchdach rium, ho-ill-o. Bha uair a gheibhinn do rùn-sa, ’S dheanamaid sùgradh gun fhios; Ge nach do chinnich leinne breamas, Theireadh iad gun robh sinn ris: Ge b’ fhior dhoibh e, ào-ill-ù-o, Cha ’n innsinn e, ho-ill-o; Cha b’ fhiach leatha e, ào-ill-ù-o, Gu striochdadh i, ho-ill-o. Thug mi greis a ruith air m’ fhaileas, ’S bha mi aineolach ’s a chleas; Nise bho na dh’ fhas mi eolach, Theid mi ’chomhradh rith’ air leith: Gu dochasach, ào-ill-ù-o, Gu pòig thoirt d’i, ho-ill-o; ’S e ’n doigh oirr’ e, ào-ill-ù-o, Mu ’m pòsar i, ho-ill-o. [TD 60] Gur a h-iomadh caileag spòrsail, Bhios mar noinein ann am preas; ’S tric bha gaoid an ubhall boidheach; ’S bidh iad an toir air a chleas: Gu cluaineiseach, ào ill-ù-o, Bi suas oirre, ho-ill-o; Mar buail thu i, ào-ill-ù-o, Gur fuath leath’ thu, ho-ill-o. Co an te dhiu tha na maighdinn, Ma ghabh sgoinn ann a bhi meas? Tha iad baigheil anns an oidhche, ’Dhol an caoimhneas fir nach glichd: ’S i ’n obair i, ào-ill-ù-o, Nach òbadh iad, ho-ill-o; Gu togarrach, ào-ill-ù-o, Gu sodanach, ho-ill-o, Co an te dhiu dh’ fhaoidte shaoradh, ’Thainig aois dh’i bho bhi beag; Munn gann a dh’ fhasadh i molach, Bhiodh i toileach laidhe leis: Gu mànranach, ào-ill-ù-ò, Bi làmh rith’, ho-ill-o; Cuir làmh oirre, ào-ill-ù-o; Le danadas, ho-ill-o. Ge do bhiodh fear aice ’n drasda, Gu brath cha ’n aithneadh tu sid; Mar gheig a dol roimh bheul-atha, Mar h-eirich an aird’ a crios: Mar domhlaich i, ào-ill-ù-o, Cha chomhdaich thu, ho-ill-o; Ri d’ bheo oirr’ e, ào-ill-ù-o, ’S i eolach air, ho-ill-o. [TD 61] ’N fheadhainn sin a fhuair droch chleachdadh, Banntraichean reachd’or na ’m fuil, Nuair a dhluthaicheadh tu ceart rithe, ’Lùb i leat mar shlataig bhuig, Gu briodalach, ào-ill-ù-o, Gu brineiseach, ho-ill-o; Gu liobanach, ào-ill-ù-o, Gu sìneadh riut, ho-ill-o. Mar gum biodh i ’dol na cadal, Cha d’thig facal as a ceann; ’S ann a dheanadh i riut gàire, ’S cha bhiodh gràin oirre no greann: Gu carrantach, ào-ill-ù-o, Gu tairisneach, ho-ill-o; Cas thairis ort, ào-ill-ù-ò, ’S biodh t’ air oirre, ho-ill-o. Bheirinn comhairl’ air gill’ òg, a Bhi gu seòlta, deas na chainnt; Ged d’ theireadh te dhiu le gradadh “A bhraidein! dean fuireach thall:” Gu bagarach, ào-ill-ù-o, Gu raigeanta, ho-ill-o; Gu sradanda, ào-ill-ù-o, Gu snaganda, ho-ill-o. Na toir feairt air pairt ga briathran, Ge d’ bhios i fiadhaich na cainnt; Nuair bhios tu ga briodal tachdan, Ni i do ghlacadh gu teann: ’S bi freagarrach, ào-ill-ù-o, Thoir leasan d’i, ho-ill-o; Dean beadradh dh’i, ào ill-ù-o, ’S cha bheug oirr’ thu, ho-ill-o. [TD 62] Theirig sìobhalta ’s an leabaidh, ’S do làmh cuir tàrsuinn fo ceann, Dean do shìneadh rithe tairis, Gus an d’thoir thu ’mach a sannt: ’S cha chunnart dith, ào-ill-ù-ò, Nach fhuirich i, ho-ill-ò; Gu bunailteach, ào-ill-ù-o, Chuir furain ort, ho-ill-o. ’Sid a bhuaidh a th’ aca air fhagail, ’Bhi socharach, bàigheil, tric; Gun bhi cruadalach na nàdur, Gun d’fhag sid pairt diu gun mheas: Neo-mhisneachail, ào-ill-ù-o, Gun fhiosrachadh, ho-ill-o; Mar d’thig e dhoibh, ào-ill-ù-o, Na misd’ iad e, ho-ill-o. Gur h-olc an obair ga ’n leannain, A bhi ga mealladh gun fhios; Ach ’s iomad gniomh a ni ’n òige, Nach bi boidheach le fear glichd. ’Toirt geallaidh dhoibh, ào-ill-ù-o, ’S a fealladh air, ho-ill-o; ’S mu ’n dealaich iad, ào-ill-ù-o, Bidh Leanamh ann, ho-ill o. [TD 63] Oran ann ’s a bheil an t-shuirdhidh air a samhlachadh ri sgibeireachd; ’s air a toirt gu crich san doigh sin. AIR FONN—“An oidhche nochd gun amharus,” &c. GUN d’ thug mi sgriob air suirdhidh, ’S air lium gum b’ iomchaidh ’n t-àm, ’Nuair dh’ aithrich mi na ’n cadal iad, A tarruinn an cuid srann; Choisich mi gu failidh dh’ fhios An aite ’n robh mo gheall, ’S an uair a chuir mi lamh oirre, Gun smad i mi le ’cainnt. Labhair i gu fiadhaich rium: “Cha ’n ’eil do chiall ro ghlichd; Nam fuilginn ann a ’m sheomar thu, Ri m’ bheo cha ghleidhinn meas; Tha fhios a ’m fein gu barrantach, Am beachd ’s am bheil thu ruith, Na ’n caisgte leat do mhiann orm, Cha ’n iarradh tu ach sin.” Esan. “’S ann thainig mi le carrantachd, A chuir mo staid ’ann geill, A dh’ fheuch am biodh tu deonach air, ’S gum posadh-mid bho ’n chleir; Na ’n tugadh tu nis gealladh dhomh, Cha ’n fheallainn ort na dheigh, ’S gun sguirinn a bhi briodal Ri nighinn ach thu fein.” [TD 64] Ise. “Cha toir mi eisdeachd facail dhuit; Gun chaill thu chairt ’s a chòir, A combaiste cha leir dhuit e, ’S cha dean thu feum ’s a sgoid: Cha toir mi ordugh stiuraidh dhuit, No siuil a chuir ri ’m ’chord; Cha drap thu do chuid acraichean, ’S an acarsaid a m’ dheoin.” Esan. “’S sgiobair mi ro ealanta, Chur mharannan fo sroin, Ma bhios acfuinn fallain rith’ Nach leig dad ga còir; Gun cumainn ris an fhuaradh i Le roinn na cluais air sgoid, ’S ged dh’ eireadh muir a ’s greann oirre, Gun cuirinn crann ’s a bhroig.” Ise. Ma tha thu dol an urras air Gur duin’ thu air a stiuir, ’S gun d’ ionnsuich thu ’bhi d’ mharuiche, ’S an article ga cul; Gheibh thu bhi d’ lan chaiptean uam, Air barc an top-sail uir, Cabin ’s bord gu sgriobhadh air Le h-ite pinn gu dlu.” Esan. “’S mu ’n cuir thu ormsa muinntearas, Gun tionnsgail mi ’s a bheairt, Gu faiceadh tu mar dh’ fhiachas mi A’ gniomhannan air tack: [TD 65] Ged dh’ eireadh muir ’s a nuallanaich, ’S i bagairt cruaidh ’bhi steach, Gun cumainn mar chlar buideil i Dol romh gach buinne mear.” Ise. “Bho n’ thug thu dh’ ionnsaidh claduich i, An t-acair cuir air tir: Dean cadal anns na hamacan, Bho ’n thachair dhuit ’bhi sgith: Cha dean mi tuille leannanachd, Cha ghabh mi fear tha ’s tir, Bho n’ tha t-airleis chean agam, Gun lean mi thu gu d’ chrich.” Esan. “’Sin, thainig soirbheas comhthromach, Ga ’m thoirt bho ’n aird a deas, ’Nuair chuir mi suas na h-innleachdan, Gu ’m b’ ait lium sineadh leis: Am beul Loch-Rog a tharladh dhomh, ’Nuair dh’ fhaillinnich a chleit, Gun ghlaodh i leis an trompaid rium, ‘Na leig an long air sgeir.’ “Gu h-Eilein Faro sheol mi i, A ’s bha ceo air a mhuir; Cha robh fiamh no eagal oirnn, Na seasamh a seol sruth; Ach chinn an soitheach ao-dionach, ’S a ghaoth an caochladh puirt; ’S cha ’n fhacas cleir no gaidseirean; Bho ’n thainig mi gun luchd. [TD 66] “’S lionmhor ceird a ghnathaich mi, ’S na laithibh sin ’tus m’ oig’; ’S muilleir mi ro-urramach, Gu muilean chuir air seol: ’S fidhleir mi ro-ealanta Tha caithriseach gu ceol, ’S ged ’bhiodh e chruit gun ghleusadh, Gach teud gun d’ thuguinn beo.” Ise ’labhairt. “Gur siarrachd air ’n do chsadh thu, ’S gur h-ait lium a bhi d’ choir, Bho ’n tha gach ceird air fhoghlum leat A ghaoil! gu faigh thu pog! Cead ’bhi laidhe sinnte rium; ’S na dibir mi ri d’ bheo; ’S gach aon ni gheibh mi chruinneachadh, ’S leat tuilleadh e ri m’ dheoin.” ’Nuair dh’ fhalbhas an òige, Gheibh mi doigh air a bhi glic, Nuair bhios mo cheann air liathadh, A ’s fiasag air mo smig: Cha ’n fhaigh mi te bheir pog dhomh, An seomar, na ’m bun pris; Cha dean mi tuille ’gorruiche, ’S nach ait an t-òran sin? [TD 67] Oran Smeorach Chloinn Dughaill. CHA dean mi bròn an cos falaich, Tha seilleir mo loin gun ainnis: Gheibh gach seòrsa seol air aran, ’S cha churam dhomhsa ’bhi falamh. Ho-i, ri-na, ho-ro, hu-o, Holibho-i-na, i-ri, u-o; ’S smeorach mise le cloinn Dughaill A seinn ciuil, an dluths’ gach geige.* Nuair a dh’eireas grian an earraich, Diridh an eunlaith ’s na crannuibh; Tha ’m beatha-san deant’ air thalamh Bho ’n laimh gus am beul, ’s i ro mhaith. Gur a mise a smeorach ghleannach, Sheinninn ceol air bhàrr gach meangain; Ribheid ùr ann siunnsair fallain, ’S maith mo chàil, gun sàs air m’ anail. Madainn chéitein, ’n àm dhomh dusgadh, ’Seinn gu h-eibhinn, eutrom, siubhlach; Dealt nan speur air gheugan curraidh, Grian ag eiridh, ’s feur a’ bruchdadh. * An Luinneag ri bhi air aithris an deigh gach rann. [TD 68] Ghineadh mi ’s an tìr nach coimheach, ’S chaisginn m’ iotadh le brigh Chomhann; Tobar ioc-shlainte nach reodhadh, ’G éiridh ’nios bho ’n dilinn dhomhain. Air taobh greine, gleann mo chridhe, Far an robh eibhneas mo dhibhe; Ge do bhiodh an t’ eug a tighinn, ’Bheireadh slainnt’ do ’m chreubhsa rithist. ’S an tir aigh do ’n gnath ’bhi criodhail, Chaidh m’ arach gun fhaillinn bidhidh, Air nead sàbhailte gun snithe; ’S gheibhinn blaths’ air sgath chloinn Iein. Tha mi nise measg chloinn Cham’roin, Cinneadh mòr bha ’n seòrs ud ainmeil; ’N cath ’s an còmhail, seòlta, calma; ’Dol gu còmhrag, stroichdeach, marbhtach. ’S piuthar mi do ’n chuthaig shamhraidh, Le ’m dheoin cha d’theid mi gu galltachd; Bho ’n is i Ghaelic is cainnt domh, ’Measg mo chàirdean talar ann mi. Nuair theid fianlach feadh na coille, Cruinnichidh eunlaith gach doire; Thig gach eun gu nead le coilleag, Sràbh ga shniomh am beul gach coilich. ’S ionnan sid ’s mar dh’eireas domhsa; Ma phiochdas càch mi le doruinn, Falbhaidh mis’ an riochd na smeoraich, ’S theid mi ’m ghearan far an còr dhomh. Gu Dùn nan Cliar thriallainn dàna, ’Dhol fo sgiathaibh nan triath stàtail; [TD 69] Ged nach ’eil Eoin Ciar a lathair, ’S maireann am fear liath a’s Padruig. Dùn-olla na ’n tùireid arda, Nam fear fuileach, builleach, strachdach, ’Sheasadh duineil luchd an cairdeis, ’Choisneadh urram ri uchd namhaid. ’S smeorach mi bho chaisteal uaibhreach, Na’n steud priseil, rioghail, suairce, Dream gun spid, bha ’n sinnsreadh uasal, Bu mhor pris ri linn Raon-Ruairi. Dughallaich nan geur-lann aisneach, Guineach, beimneach, speiceach, sgaiteach, Dol ri feum le treundas gaisgidh, Garg ’s a streup, ’s bha ’n leus ri fhaicinn. Cha robh ’m Bruiseach na chuis fharmaid, Ri fhuil cha chumadh iad earbsa, Mu ’n do sguir sibh, bha e searbh dha, ’S bu bheag leis a chuid do dh’ Albainn, Chuir sibh Roibeart an cuil chumhainn, Ghabh e gu fogradh car siubhail; Cha robh dhaoine saor bho phudhar, Fad ’s a bha bhur taobh-sa ’buidhinn. Cha b’ iongnadh e ’ghabhail grain diu, ’S tric a chuir iad cunnart bais air; Thug sibh uaithe ’strol ’s am Braisde, ’S tha sid an Dun-olla ’lathair. ’S i ’n t-sheann stoiri tha mi gluasad, ’S naidheachd ùr do ’n fhear nach cual i, ’Sgeula fior, ge fada uaithe, Gun do sheas an linn ud cruadal. [TD 70] Buidheann gun fhiamh, nach d’ iarr sochdair, Rinn iad aon blar-deug a chosnadh; Gus an d’ thainig sgriob na dosgainn Latha Dail-Righ a mhi-fhortain. ’S e bu mhiannach leis a bhuidhinn, Bhi cur ard-raimh’chean fo ’n uidheam, Seoladh ard air bharr nan struithean, Sgoltadh na ’m barc le sar shiubhal. Luchd a chaitheamh nan cuan borba, ’S muir a gairich ri h-aird stoirme; Bheireadh iad gu aite soirbh i, Dh’ aindeoin barr an strachd-thonn gorma. Fir mo ghaoil bho thaobh na tradhad, Nach robh claon ri h-aodann gabhuidh, Nach meataicheadh gaoir an t-saile, ’Nuair a sgaoileadh iad a h-alach. Cha d’ innis mi trian da ’r n’ àbhaist, ’S tha mo mhuineal tioram tràisgte; ’S olaidh mi nis’ bhur deoch-slainte, A shliochd a Cholla-Chathaich Spaintich. [TD 71] Comhairle do Chloinn Oig Shuidhrich theisdeal. AIR FONN—“Sorraidh slan do ’n àilleagan.” A ghruagaichean, ’s a fhleasgaichean, Nach cuir sibh ceisd ribh fein, An fhearr dhuibh fuireach teisdeil, Na bhi cur ri cleas gun fheum? Ma bheir iad dh’ ionnsuidh ’n t-seisein sibh, Gu freagradh thoirt do ’n chléir, Bidh umhladh agus seasamh ann, ’S gach dleasnas ’thig na dheigh. Ma dh’ fhasas brònag leth-tromach, Tha fios gur deas dhi beum, A chuis a rinn i ’n diomhaireachd An sin ag innse sgeul; Mulad agus cianal oirre, Ni nach dean dhi feum, Ag iomadan ’s a deuradaich Mu ’n ghniomh a rinn i fein. Ma thig iad anns an oidhche sin, Bidh sign achda ribh fein, Ma gheallas sibh ’s an latha dhoibh An rathad a bhi reith: Teannaidh iad ri beadradh ribh, Bidh seirc ga cuir an geill; O! bi’dh iad beulach caoimhneil ribh, ’S an fhoill achda na sgeith. [TD 72] Mu lùbas tu gu fialuidh leis, “’S ann dhuit gun dean e feum;” Ma chreideas tu na briathran sin, “’S tu ’chiad-bhean thair gach tè;” Ma bheir thu dha a riarachadh, Gun fhianais ach sibh fein, O! seall nach cuir e sianas ort, Ma gheibh e ’mhiann dhiot reith. ’S a nìonagan gaolacha! Ge d’ gheibh sibh caoin an cainnt, ’S fearr dhuibh a bhi saor is iad, A ’s fuireach daonnan seang; Ma thuiteas sibh le faontalaich, A ni le staoram clann, Cha leighisear le caoineadh e, Ma bhios an t-aobhar ann. ’Nuair theid a leannan mi-chuiseach, Gu briodalach na chainnt, Ga pogadh seolta dichiollach, ’S laimh gun sgios fo ceann, Bidh e ’n sin ag innse dhith, Gur i da ’n d’ thug e ’gheall; ’S cha chreid i, gu ’s an dibir e, Nach firinn a bhios ann. ’S a mhaighdean! tha thu aimideach, Na d’ bharail cha ’n ’eil brìgh: Ma tha thu ’n duil nach dealaich sibh, ’S gun lean e riut ri d’ chrich: ’S fearr dhuit ’bhi air t-earalas, ’S an eallach ’chumail dhiot, O! na bhi ’meinn a bhalaich, Agus leanamh air do chich. [TD 73] A ghruagaichean, ga barrail sibh, ’S bhur leannain air bhur ti, An duil nach toir iad car asaibh, ’S nach meallar sibh gun stri; Ach, nuair ’thig luchd no foille sibh, ’S a choiricheas iad ribh, O! theid bhur cuailein fholach, Agus callaidh sibh bhur prìs. An sean fhacal, ma dh’ eisdeas sibh Ri leughadh, tha e fior, A’ labhairt ruinn gu toinisgeil, Toirt coimeas do gach ni:— “’S ionnan do na gloineachan ’S do mhaighdinn loinneil ghrinn;” ’S O! ’fhleasgaich, na dean coir oirre, Ma ’s e ’s gur toil leat i. Mo chomhairle dhuit, oganaich! Bi seolta, ’s na gabh spìd, Ma ’s e ’s gu bheil i cordadh riut, ’S tu ’n toir oirre le cinnt’; ’S onoraiche pòsadh, Bho ’n a dh’ orduicheadh dhuit i; O! na bhi ’goid a poige, ’S don’ tha ’n seol ud a cur ribh. Comhairl’ oirbh, a chaileagan, A’s fanuibh as an lion, Cuimhnichibh air banalas, Cha bhi sid aithreach leibh; Na fir tha ’n dàn’ doibh teannadh ribh, Cha mhearachdaich iad sibh; O! ’s fearr an cliu a leanas ribh, No earras agus nì. [TD 74] Air lium gur bochd na tàlandan Do ghruagaich fas gu tinn, Le gaol a thoirt do ’n sgàileadair, No ’n fhear a dh’ aicheadh i: Bi’dh a ghealladh failinneach, Cha d’ thig e trà no tiom; ’S cha treundas mor no tabhachd dha, I ’dhol bho stà ri linn. Bi’dh ise ’bròn ’s a turraman, ’S lion-dubh ga cumail shios, Ag eisdeachd ris na chluinneas i, ’S gach duine ’toirt a binn; Esan a’ cuir duileachd Air an urra ’th ’ann ’s a phill, Ag iarraidh saoradh ioma fir, ’S ga mionnachadh ’s a chill. An gàire ’rinn i sulasach, Ge d’ bha e ’n uraidh binn, Tionndaidh e gu muladach; A’s guilidh i gu dion, Nuair nach faigh i urrainn dha, No ’n duine chur fo chìs, ’S leur dhi ’sin a cunnartan, ’S gur h-iomallach a diol. Nuair dh’ fhalbhas i, ’s a gocan aice, Theid a fortan sios, Gheibh i fios na bochduinne, ’S bi’dh gort oirre chionn bìdh: Sid an ruathar dosguinneach A chuir bho chosnadh i, A’ caoidh an fhir a dhochuinn i, ’S a cridhc goirt da dhi. [TD 75] Tha suirdhichean cho cuireideach ’S nach urrainnear d’ an geard, A’ mire ris na cruinneagan, Mar shionnach theid do ’n ghleann; Cho dichiollach ’s a ’s urrainn e Gu fuil a thoirt air meann; ’S cha seall e gus am beirear air, Co air a bhios an call. Their fleasgaichean—“Cha ’n éuchdan dhuit Am beum sin a thoirt duinn, Ach chi gach neach a leughas e, Gur breugan ’thuirt thu ruinn; Tha do labhairt eucorach, Ma theid thu air ar binn; Ach Ailein! mar biodh céillidh agad, Gheilleadh tu linn fhìn.” ’S nach gabh sibh uamsa pàtaran, ’S e nadarr’ anns gach tir; Faighibh céillidh gnàthuichte Le gràdh, mar th’ agam fhìn; Faodaidh sibh bhi dàn oirre Gu manranach, le sith; O! ge d’ bhiodh fichead pàisd agaibh, Cha ’n abair càch smid ribh. “Do chomhairlean cha gheill sinn doibh, Cha ’n ’eil iad eibhinn linn; Cha ’n urrainn sinn a leirsinn Gu bheil feum annta, no brìgh; Gach fear tha chuis ag eiridh leis, ’S a fhuair gach te a b’ fhiach; Cha ’n fhidir iad na feumnaich, Nuair bhios iad fein gun di.” [TD 76] Ma ’s e sin is barail dhuit, Gur mearachdachd do chinnt— Tha iasg ’sa mhuir ma dh’ iarrar e, Nach d’ thainig riamh gu tir: Theirig far am faigh thu e, ’S thoir tarruinn air do lion, ’S e ’s docha gun tuit gealag ort, Gun ghaoid, gun ghalar cinn. “O! ’n sguir thu d’ bhreugan peileasach? No ’n teirig dhuit do chainnt? Ag innse dhuinn ar deireasan, Le beileam anns gach àm! Na chluinneas tu cha cheil thu e, ’S droch-eilein air do cheann; O! ’s aithne dhuit bho t-òige H-uile gorraiche ’ni ’chlann.” Ma ’s a sean-mhaor eolach mi, ’S e seoladh ’bheirinn duibh, Comhairle na còrach oirbh, ’S do ’n phòsadh gabhaidh suim; Le bainnsibh criodhail abhachdach, ’S bhur cairdean a chur cruinn, Bi’dh spurt a’s aobhar ghàir’ agaibh, ’S theid gràdhag air a druim. [TD 77] Oran air trod mna-an-tighe ri ’fear, air son a bhi ’g ol an drama. AIR FONN—“Tionndaidh rium do loguisean.” LATHA dhomh ’s mi ’g òl an drama, Comhluath ri oigfhearan glana, Ge do bha mo bheansa banail, ’S sgainnileach a throd i rium. O! teann a nunn, ’s na tionndaidh rium, Bho ’n ’s e mo dhiumb a choisinn thu; Fuirich samhach air mo chul-thaobh, Sugradh cha bhi nochd againn.* Labhair ise ’sin na briathran: “Fasaidh tu d’ shruthaire briagach, ’S eagal lium nach paidh thu t-fhiachan, ’S e do ghniomh tha coltach ris. “Cha ’n fhuiling mi bonn a d’ bheadradh, Air moch, no anmoch, no feasgar; ’S fearr leat comunn nan stòp beaga, ’S thoill thu leasan goirt thoirt dhuit. “Thug thu òg do cheannas-cinnidh Do Mhac-an-Toisich an Gille; ’S bho na rinn an t-òl do mhilleadh, A d’ mhire cha ’n ’eil toirt agam. * An Luinneag ri bhi air aithris an deigh gach rann. [TD 78] “Cha ’n fharraid’ thu ’m bithinn beo, Nam faigheadh tu tombaca ’s pòit, Bhi sgapadh airgid air gach bord, ’S cha ’n ’eil an seol ud fortanach. “’S òlc an an obair dhuit bhi daonnan A tighinn dachaidh air an daoraich; Cuiridh tu mise gu caoineadh, ’S dh’ aognaich fear do choltais mi. “Tha thu gun leine, gun chota, ’S cha dean mise snaithn’ ri d’ bheo dhuit; Bho na dh’ fhas thu d’ dhuine gorrach, Chuir an t-òl bho d’ chosnadh thu. “Tha thu gun bhriogais, gun fheileadh, ’S e air tolladh air do shleisnean; ’S ciamar a ni mi dhuit eideadh? Chuir thu fein gu bochduinn mi. “Phòs mi thu dh’ aindeoin mo chairdean, Gun toil m’ athar no mo mhàthar; ’S bho na ghabh mi nise gràin dhiot, Falbh as fag a’s droch-uair mi. “Phòs mi thu le deoin gun aindeoin, ’S bha thu seolt’ air thi mo mheallaidh; Bho na bha mi òg am aimid, Rinn mi ceangal do-chorach. “Ge do bheirinn spreidh a’s earras Do dh’ fhear t-abhaist agus t-ealain, Chosdadh tu e leis na galain: Ailein! chaidh an rosad ort. “Ge nach robh mo chrodh air buailidh, Bhuininn do fhior fhuil gun truailleadh; [TD 79] ’S na seallainn beagan mu ’n cuairt dhomh, Cha d’ fhuair thu mi socharach.” Esan a’ labhairt air a shon fein. Eisd, a bhean, do d’ ghearan uaibhreach, ’S fuirich siobhalt ann a d’ ghluasad, ’S na bi maoidheadh ormsa t-uaisle, Bho nach d’ fhuair mi tochradh leat. O tionndaidh rium, a’s deasaich rium, ’S a ruin! na bi ri moit orm; ’S teannaidh mise riut a nunn Le sugradh mar bu choltach dhuinn.* ’N cluinn thu mis’, a bhean an tighe? Eirich, ’s theid mi leat a laidhe; Smaoinich fein gun geill na mnathan, ’S gabhaidh iad le choiteach rud. A bhi trod rium cha ’n ’eil feum ann, Cha chuis abhachd dhuinn le cheil e; Air beul duinnte cha d’ theid féichean, ’S e bhi reith is docha leinn. ’S ge do dheanainn stòp a thràghadh, Maille ri cuideachda chairdeil, ’S mairg thu ’mhaoidheadh orm gu bràth e, Ged do phaidhinn crotag ris. Ge do dh’ òlainn làn an taomain, Thiginn dachaidh criodhail gaolach; ’S cha bu chuis gu tigh a sgaoileadh, Ge do ghlaodhainn botul dheth. * An Luinneag air atharrachadh, agus ri bhi air aithris as deigh gach rann. [TD 80] Ge do labhair thu ’s gach doigh rium, Dh ’ aindeoin aon ni riabh a dhòl mi, ’S geal do churrachd, ’s dubh do bhrogan, ’S dionach, comhnard, sochdair iad. Ge do dh’ fhanadh tu air t-eolas, Gun tigh’nn riabh a nall a Cnoideart, Gheibhinn te le beagan storais, Bhiodh cho boidheach coltas riut. Ach sin ’nuair a labhair ise: “Smithich togail dhiot a nis’, Chàin thu thu fein, ’s dhìt thu mise; ’S misd thu nach ’eil fosadh ort.” O! teann a nunn, ’s na tionndiadh rium, Bho ’n ’s e mo dhiumb a choisinn thu; Fuirich samhach air mo chul-thaobh, Sugradh cha bhi nochd againn. Oran do ’n Choirneal Mac-Ic-Alastair Ghlinne-Garradh, air dha bhi gu tinn. AIR FONN—“A bhi ’g aiseag nan seol air chuan sgith.” A NOCHD is luaineaich mo chadal, ’S tha bruaidlein air m’ aigne bho ’n de: Cha ’n e buaireadh a bheairtis Tha cur smuairein fo aisnean mo chleibh; Ach a t-iargainn, Fhir ghasda, Tha fo fhiabhrus an Sasunn, ’s tu ’n tinn, Oig Gharranaich uasail, Leis ’m bu mhiann bhi dol uallach do ’n bheinn. [TD 81] ’S so a bhliadhna gun eibhneas, Fhuair clann Domhnuill an leireadh mar tha; Sgeul duilich ri eisdeachd, Chaill iad ceannard nach creubhadh am màl: Bàs a Mhor-fhir Shleibhtich, ’S leor a luaths doibh an t-eug ’thigh’nn a d’ dhail, A cheann-cinnidh nan treun-fhear, ’S gun an duil ri thu dh’ eiridh gu bràth, Bho thoisich an fhoghair Tha mu Choirneal òg Bhadhasdail cràdh: Ghlag an t-eug thu bho ’s roghainn, Dh’fhag sid deurach bho ’n adhail na mnai’; Chaidh fir Uidhist a thagha, Chaill Clann Raonaill ceann-taghail no dha; ’S tric ar ’n uaighean ’gan cladhach, ’S tha ar ’n uaislean ag adhart do ’n bhàs. Ge do ’s mor sid ri aithris, Cha ’n e aobhar mo ghearan ’s an uair, Ach an t-Alastair gleannach, Ga m’ bu dùchas bun Ghairridh nan stuagh: Ma ghlac eislein do phearsa, ’S nach d’thig thu a Sasunn ri luaths’, Co ’leughas domh ceartas, No chumas do chleachdadh a suas? Fhuair mi sgeul ort bho Lunnainn, A chuir mo chridhe gu fulang le cràdh; Dh’fhag sid m’ inntinn fo eislein, ’S tùrsach mise, gun t-eiridh ’bhi slan; Fhir nach deanadh mo threigsinn, ’S a dh’ éisdeadh ri furan mo dhàn, ’S bu bhochd m’uirsgeul ri leughadh, Na ’n glachdadh an t-eug thu gun dàil. [TD 82] Fhuair mi naidheachd nach iarruinn, Gun robh bruaidlein an fhiabhruis a d’ cheann; Ge nach d’ fhuair thu ach diachainn, Bha do chinneadh ag iargainn mar chall, Thu bhi d’ laidhe air cluasaig Ann an seomraichibh fuara, measg Ghall: Bha do pheathraichean truagh dheth. ’S do chairdean fo chruaidh-chas nach gann. Chionn ’s gun d’ eirich thu fallain, Lasair cheir ann a d’ bhaile le muirnn, Air slios reidh Ghlinne-Garradh, Bi’dh eibhneas a’s air’ air luchd ciùil; Cha ’n ’eil reusan bhi talach, Chaidh gach eugail a sgaradh fo ’r cùl, A bha cur deurach a d’ bhallaibh; ’S bi’dh mi ’seinn air bhi ’g aithris do chliu. Nuair a thig thu le aithne, Cluinnear manran ann talla gun ghruaim; Ceol a’s taileasg le caithream, Piob ard nan dos srannach a d’ chluais: Gheibh bàird a’s luchd ealaidh, Cuid d’ an àileas, cead teannadh a suas, Ann an arois a Ghleannaich Nach do dhibir an ceannas bu dual. ’S ann do ’d chleachdadh ’s a d’ bheusan, A bhi cruinneachadh feisd a’s luchd daimh; Tric aig furan nan ceudan, Ol fiona le reite gun fheall; Or ’ga scapadh na eiric Bho sporan na feile nach gann: Tha thu pailt ri luchd-deirce, ’S cha deanar leat eacoir air fann. [TD 83] Deud mar chailc is maith dluthadh, Beul daite bho ’n giulanta cainnt; ’N àm reiteachadh cuise Anns a chùirt cha bhiodh t-fhacal air chall: Ann a seasamh do dhuchais, ’S òg a choisinn thu cliu agus geall; ’S iubhar caoin a chraobh chùraidh, Nach gabh aomadh no lubadh le sannt. Tha thu macanta, greadhnach, Gu h-aigeannach, teabhaiseach, glichd, Seirceil, caranntach, bàigheil; ’S co ’s urrainn do chairdeas a mheas? ’S mairg a ghluaiseadh ort àrdan, Nuair a dh’ fhuasglas tu ’n Spainteach bho d’ chrios, Ealt a’s cruaidhe na stàluinn, Leis an reachadh do namhaid a sgrios. Tha do reiseamid eibhinn, Fad ’s a dh’ fhanas tu fein air an ceann, Neartmhor, fulangach, treubhach, Ann an guaillibh a cheile gu teann; ’S iad ullamh gu eiridh, Na’n d’thigeadh oirnn beud as an Fhraing; Na fir ghuineach nach eisdeadh, ’S a bhuaileadh beum-sgeithe ’s a chamb. A’ dol a shiubhal na frithé, Le d’ chuilbheir caol direach gun mheang, ’S tu sealgair na sithne, Ceum luthor a dhireadh nam beann: Agus namhaid mhic-sìrith, ’Choilich dhuibh theid ga dhidinn air chrann; ’S bu tric eilid nan sinteag Air a ’casgairt le stri do chon seang. [TD 84] ’S na ’n d’thigeadh ort eiginn, Cha ’n ’eil do shloinneadh, fhir euchdaich, air chall; Cloinn Domhnuill nan geur-lann, Siol-Cholla bho Eirinn a nall; Bho na fhag sibh an Eipheid, Ge b’e dh’innseadh gach treundas a bh’ ann, Bha buaidh larach aig eiridh Leis a bhuidhinn nach geilleadh gun chàll. ’S cha bhi mi dol roimhe, Mu ’n cunntar mi domhain a m’ chainnt; Chaidh cho lionmhor cuis leotha, ’S nach innseadh luchd leabhair no pheann, Cia mar ’shealbhaich Clann Domhnuill Leith Albuinn, a’s coir Innse-Gall? ’S iad fein a b’urrainn a chomhdach, ’S a sheasamh gach comhrag a bh’ ann. Marbhrann do dh’ Fhear Achatriachadain. AIR FONN—“Bas shior Domhnull bho ’n chaol.” GUR a luaineach mo chlos; Dh’ fhalbh mo shugradh a nochd; Thromaich m’ inntinn fo sprochd ’s fo eislein. Gur a luaineach, &c. Fhuair mi sgeula bho ’n ghleann, A chuir mo riaghailt’ air chàll, Dh’fhag sid fiabhrus am cheann ag eirigh. [TD 85] Bàs an laoich nach bu tais, A sgar an t-aog leis gu grad; Thuit a chraobh! ’s cha tig ath-sgeul breig air. ’Nochd is iosal do cheann, Fhir bhaile Sgriodain nam beann, ’An leabaidh dhionaich, gun chainnt, gun leirsinn. An deise ’n lion anart bhàn, An ciste ghiubhais nan clar— ’S gun ar duil gu la bhrath thu dh’ eiridh. Cha chuis neonach do bhàs, Ach ’s aobhar bròin e d’ luchd graidh, Leis an comhnadh tu ’n trath na h-eiginn. Chaill mi caraid ’sa chuirt, A sheasadh dìleas ri m’ chùl, Nuair a bhitheadh mo chuis ga reiteach. ’S e mheudaich mo bhròn, ’Bhi ga d’ charadh fo ’n fhod; Fhir nach deanadh mo choir a threigsinn. A mharcaich uaibhrich nan each, Bu mhor cruadal a ’s neart! Fhreagradh t-uaisle ’s do bheachd da cheile. Bha gach buaidh ort ma seach, Iuchair chruadhach nan glas, A ’s tric a dh’ fhuasgail air airc nan deirceach! Cha robh cruaidh-shnuim no sreang Air do sporan gu teann: ’S cha d’ thug thu d’ fhear fann an eura. [TD 86] ’Chraobh do ’n iubhar bho ’n ghleann! Chuir thu cul ri bhi gann; ’S cha bu chubair’ air ceann na feisd thu. Gheibhte ’n aros nam pios Fir a poit air an fhion; Ge be dh’ oladh, ’s tu dhioladh eiric. Bhiodh do thunnachan làn Le cuireadh gun chàs, ’S tu ga ’m furan air cach le reite. Bhiodh iomairt dhisnean air chlàr, Fo dhion an tigh’ bhàin, ’S cha bhiodh biobuill na’n tamh gun leughadh. Ri linn gabhail mu thamh A d’ chuirt dhilis le gradh, Cha bu sgith leat luchd-dhàn ’gan eisdeachd. Bha thu deirceach ri bochd; ’S tric a dh’ eid thu fear nochd, A ghnuis na feile bu toirteil beusan! Bu leat urram gu sith, ’S bu tu ’n curaidh ’sa stri, ’S cha tugta dhiot cìs le eacoir. Bu lionmhor gruaidh air dhroch nial, A trom shileadh na ’n diar, Nuair a chualas an sgial gun d’ eug thu. Eadar Innein a cheo Agus criochan Mhic Leoid, Bha do chinneadh fo bhròn mu d’ dheibhinn. ’S nan deanta do chall Le foill a measg Ghall, Bhiodh luchd faidhneachd gu teann air t-eiric. [TD 87] Nam b’ i iomairt nan dorn, Leis an reachadh do leon, Air mo chinnt cha bu toir gun deigh i. ’S e do chairdeas à b’ fhiach A bhi ga agairt ’s ga dhiol, A dheagh fhir ghasda nach diobradh ceum dheth. ’S lionmhor curaidh gun fheall, A sheasadh duineil gu d’ gheard, Eadar bun Loch-nan-ceall ’s braigh Eitibh. Bu leat fir Innse-Gall, Leis an comhdaichte geall A dol an ordugh le ’n ceannard Sleibhteach. Mac ’Ic Alastair òg, Sgeul cinnteach gu leoir, ’S gu ’m bu dileas bhur còir ga cheile. Da thaobh Spiathain ’s Gleann-ruaidh, ’S bha saoghal ann uair, ’N àm do chaismeachd thoirt suas, nach eisdeadh! Mac ’Ic Raonuill ’s a shluagh, Bho Cheapaich chraobhaich nan sguab, Dh’ fhas an larach ud fuar, ’s b’ e ’m beud e. Nuair dhuisgeadh gaisgich nam buadh, A chum an cath ’s a Mhaoil Ruaidh, Bhiodh air Cait an taobh tuath ra-treuta. Bhiodh na laoich ud ga d’ dhian, Clann Raonuill nam pios, Bu mhaith ’sa chaonnaig ri linn Righ Seumas. [TD 88] Clann Dughaill bho ’n chuan, Bho Dhun-Olla nan stuagh, Bha ’n cairdeas ruit buan bho ’n cheud fhear. Thigeadh t-fhior-fhuil gun cheilg, Bho Chinntire nan learg, ’S Iarla dileas Ghlinn-arm a h-Eirinn. ’S mairg fine tha beo A spionadh cuilgein fo t-shroin, Nuair a dheanadh na seoid ud eiridh. Buidhean uasal mo ghaoil, Ga ’m bu shuaicheantas fraoch Sliochd nan Collaidh a sgaoil bho ’n Eipheid. Ge do reachadh iad cruinn, Na laoich fhearail ’s na suinn, A dh’aiteach t-fhearainn no t-fhuinn cha d’theid thu. Cha ’n ’eil suim dhomh ’bhi cainnt, Ag iarraidh tuilleadh na ’r ceann, Cha toir luchd oighreachd a nall bho ’n eug thu. Ach leinn is ionmhuinn mar tha Do Mhac Aonghas bhi t-ait, ’S e thigh’nn gu inbhe mu ’n d’ fhag thu fein e. Ann an gliocas ’s am buaidh, Ann ’s gach fasan bu dual, Muirneach, macanta, suairce, beusach. ’S bidh mi ullamh do m’ dhàn, Bho nach urrainn mi dha; Thug fath mo mhulaid uam cail mo ghéire. [TD 89] Oran do ’n Reisemeid Duibh. AIR FONN—“’S e mo run an t-og meamnach.” ’S LEINN is eibhinn a phachdaid Thainig dhachaidh bho ’n Eipheid; Sgeul fior air na gaisgich Nach robh tais ri uchd feuma: Luchd nan geur lannan sgaiteach, ’S nam breachdan an fheilidh, A rinn an onoir a sheasamh Do Righ Bhreatann a’s Eirinn. Fhuaras naidheachd ’s a Ghàsaid Air a bhlàr a bha ’s t-earrach; Mòr-euchdan nan Gaidheal ’Dhol a dh’ àiteach an fhearainn, A’ bheil pairt do shliochd Adhaimh, ’S iad ag àicheadh gu daingean, Nach d’ thainig ar Slan’fhear, A thoill sinn bàs da ’g ar ceannach. Ghluais an réisemeid chliùiteach Le ordugh dioghlaidh ’n latha ud, An geall an naimhdean a sgiùrsadh, Roimh neart fùdair a’ gabhail; ’S lionmhor lot a bha brùchdadh, ’S cuirp ruisgte nan laidhe, Ann san ar-fhaich gun chunntas; A’s cruaidh thùrs’ aig am mnathan. [TD 90] Bha spiorad iasaid na misg’ ’Sior chuir misnich ’s na Frangaich; Rinn iad uaill as an liquor, An uair a thigeadh am fàmhlas: Dh’ fhalbh an cruadal gun fhios doibh, A’s dh’ fhas an gliocas gun cheannsgal, Nuair shìn an reisemeid mhiosail Air léir-sgriosadh na’n ceann diubh. Sid an réisemeid àgh-mhor Ann ’s gach càs am bi h-aobhair; An lath’-air-fhichead do ’n Mhàrta Chaidh an gabhadh ri ’n aodunn: Fhuair iad buaidh air an namhaid, ’S rinn an t-Ard-Righ an saoradh; Le treun-chumhachd bho ghràsaibh, ’Neartaich càileachd nan gairdean. C’ àite ’n cuala sinn tàmailt Aig na Gaidheil ’ga faotuinn, ’S iad gu h-uranta, dàna, Luath-lamhach ’s a chaonnaig; A’ rusgadh chruaidh-lann a sgàbairt, A’s cha bu chairdeil am faobhair— Neimheil, guinneach, ro-bhàsmhor, Fuilteach, cràdh-lotach, saoithreach. ’S bu neo-chearbach an tarruinn, Feargach, fearail, gu cruadal, Seasmhach, rioghail, na ’n gealladh, Dileas, daingean, gun ghluasad: ’S cha bu shùgradh ’sa charraid, Cuis ga ’n aindeoin diubh bhuannachd; ’S cha b’ iad siochairean gharrach, A dhioghladh car dhoibh ’s an tuasaid. [TD 91] Bho ’n a shuidh a chiad Deòrsa, ’Na Righ òg air a chathair, Tha seann daoine ’toirt sgeoil duinn, Gun robh seoltachd na ’n lamhaibh; Mar ri spionnadh na ’n dòrnaibh, An uair a dh’ orduichte ’n claidheamh, Ri linn dol dhoibh ’sa chòmhrag— A’s lean a chòir iad riu’ fhathast. ’Dol sios an cath Chairo, Cha bu chàilteach ’ur gabhail; Ri h-aodunn a champa Rinn ’ur ceannard dhuibh rathad: Ged bu dlu ann an reang iad, Chaidh ’ur naimhdean an sgathadh; ’S an deigh na thuit do na Frangaich, Bu lionmhor baintreach an lath’ ud. ’B ioma piuthair gun bhrathair, Agus mathair gun mhac ann; ’S co tric maighdean gun phòsadh, A’s bean òg gun duine aice; Gun tigh-cadail, gun seòmar, Gun chòmhnuidh, gun taice, ’Caoidh na chaill iad ’sa chomh-stri, ’S gun aon fhear-sgeòil dhiubh dhol dachaidh. Air an raon ud bha ghàraich, ’S cha robh ’n ar-fhach gun fheolach; ’S dh’ fhaodadh eunlaidh bhi sàitheach Do dh’fhuil bhlath air a dortadh; Chluinnte mìltean sgread-chràiteach, A’ sgoltadh chnàmh leis an dòruinn; ’S ioma corp an robh an t-àrdan, A rinn iad fhagail gun deò ann. [TD 92] A’s air réidhleach na faiche Chaidh na gaisgich an òrdugh, A’s iad gu leir fo aon fhocal, Ag seasamh ceartais Righ Deòrsa; Bha na Gaidheil gun mheatachd, A’ sior chleachdadh am foghlum, Gun ghiorag, gun seachnadh, Gun ghealltachd, gun sòradh. Air a mhagh a bha ’m pronnadh, Nuair thug iad coinneamh d’a cheile, ’N àm do chach tighinn am follais, Ann an sealladh na gréine; Chaidh am fagail gun chomas, Air an tolladh le creuchdaibh, Bho lùths’ lamh nam fear donna, ’Phaigh na ’n comain am féichean. Sid an réisemeid àluinn, ’G an d’ rinn a Phàrlamaid raoghainn, An dà-fhichiod-’sa-dhà, Suas an aireamh an lagha: Ann an lionadh a ghàidse, Mar a b’ aird iad ’gan taghadh, Cumbach, misneachail, dàicheil, Gu dol dàn air an adhart. C’ àit’ am facas an coltas, Bho linn Oisein ’s na Feinne? Leo bhuadhaich am fortan, An cruaidh chogadh ’s an Eipheid; ’S beag an t-iongnadh bho thoiseach, An Diùchd O’ York a thoirt spéis doibh; ’S tha ’mhor chairdeas a’ nochdadh, Gu bheil toirt aige fein doibh. [TD 93] Bha ’n seann-fhreiceadan ainmeil Ann an Albainn ’s an Eirinn; Le ’m breachdanaibh ball-bhreachd, Maiseach, dealbhach, an fhéileadh; Meamnach, acfuinneach, armach, Geur-chalgach gu reubadh; ’S an taobh eile do ’n fhairge, ’S tric a dhearbh iad an treunadas. An dubh-réisemeid làidir, ’G an robh ’Ghaelic mar chòmhradh, A choisinn urram na làrach, Ann am blàr Fontanoy: ’S thaobh eùrsainnean nàduir, Cha ’n iad sud àlach tha beo dhiubh; Ach thainig linn eil’ na ’n aite, ’S co’ ionann gnathachadh ’s foghlum. ’S e dh’ fhag dubh ann an ainm iad, Trusgan dorch airson éididh; ’S ge do sheallta le coinnill, Tha iad soilleir fo ’n leintibh; Gun chron cuma, no coire, Gun ghniomh-foille, gun eucoir; Aillidh, mileanta, foinnidh, ’S an cath na ’n coinneamh cha gheill iad. ’S mor an onoir do ’n dùthaich An deach’ an giùllan, ’s an altrum, Ann am beusaibh le curam, Ann an iunnsachadh fasain; Dhearbh a’s chòmhduich an dùrachd, A bhi ’n deagh rùn do Righ Shasunn; Le ’n airm chaola nach diultadh A’ losgadh fùdair ri baiteil. [TD 94] ’S nam biodh iomlan na rioghachd, Air an inntinn-san còmhnard, ’S iad uile co’ dileas, Gu firinn a chòmhdach, Mar tha ’n réisemeid rioghail, Gu h-innleachdach seolta; ’S cian bho ’n ’chuirte gu dith An dream tha diteadh na còrach. Bu neo-chearbach ri fhaicinn, An sàr-ghaisgeach ’sa chomh-stri, Ris an goir iad am Marcus, Dearbh-mhac sin Dhiùchd Gordain; Seobhag uasal, na h-ealtuinn, Buadhail, reachdmhor, gu ’n còmhnadh: An t-ian cruadalach, neartmhor, A fhuair a chleachdadh ri comhrag. An coileach òr-iteach, sgiathach, A chaidh fhiachainn gu minic, A chuir cath air na ciadan, ’S fhuair na biasdan fios inid: Chaidh do naimhdean a riasladh, Le d’ spuir ghiara ’g am milleadh, ’Sgathadh lamh agus chluas diubh, ’S dh’ fhag thu ’n cnuachdan a’ sileadh. Marcus cliuiteach nan geur-lann, Bu mhor fheum ann san iomairt; A Mhorair Shunntaidh nan steud-each, Cha do gheill thu gu tilleadh: ’S mairg a reachadh gu streup riut, ’Nuair a dh’ eighte do ghillean, Eadar braigh Shrath-speithe, Bho cheann Loch-treig gu bun Nibheis. [TD 95] Tha Srath-àmhainn fo chìs duit, Gleann-lìobhaid, a ’s Srath-bhalgaidh; As an d’ thug thu fir ghuineach, A chaidh ullamh fo ’n armachd, ’N àm bhualadh nam buillean, Ged bha ’n cunnart ud gailbheach: ’S iad gu leir mar aon duine, ’N geall an spionnadh a dhearbhadh. ’S farsuinn sgaoileadh do liontan, Anns na criochaibh-sa dh’ Albainn; Ge be theannadh ri innseadh, ’S ioma tìr ’sa bheil cearb dhiubh; ’S lionmhor oganach rioghail, A sheasadh dìleas fo arm leat, Eadar ceann Loch-a-lìobhunn, ’S a chlach a ’s isle ’sa Ghearmaich. Ged bha ’n lath’ ud dhoibh cliùiteach ’S leir an diùbhail a thachair, Chaill iad buachaille cùile A b’ aird’ muirnn ann an Sasunn: Sar cheannard an iùil e A rinnn an giulan gun mhasladh: A ’s fuil chraobhach a’ brùchdadh Gus na dhiu’ladh leis aichbheil. ’S goirt an naidheachd ri leughadh, Trom reubadh Shir-Ralpha, ’Call fhola fo leinidh, Romh eideadh air mharcachd; Ged bu shoilleir a chreuchdan, Cha do steinn e air fhacal, Gus na chuireadh ra-treuta, Leis na dh’ eirich na bhrataich. [TD 96] A’ dol sios ’sa chiad teine, Lot am peileir fo aisnean, A’s chum e ’n latha gu dheireadh, Gus na theirig am baiteal: Bha ard onoir a’s euchdan, Ag innse treun’das a ghaisgich, Gus na thathaich an t-eug e, Gearr an deigh dha dol dachaidh. Oran do Thighearna Ghlinne-Garradh, air dha dol do ’n Ghearmaillte. AIR FONN—“Latha Raoin-Ruairidh.” GUR ro-mhuladach mise, ’S fath mo mhisnich air falbh uam; ’S beag an t-iongnadh mi liathadh, ’S cha ’n i bhliadhna so ’s fhearr dhomh, Gun aon duine ’ga m’ fheoraich, Co dhiubh is beo mi no ’s marbh dhomh; Co a sheasas mo choir-sa, Bho ’n chaidh an Coirneal thair fairge? Dh’ fhàs mi teòm air tombaca, Ceann-trom, cadalach, anmoch, Gun togradh gun labhairt, Mar mhac-samhail do bhalbhan; Gus an cluinn mi thu thighinn, Tha mo chridh’ air a spealgadh; Ach gheibh foighidinn furtachd, Mur h-eirich tuisleadh do ’n t-sealgair. [TD 97] ’S e mo rùn an t-òg gasda, Ursainn chath nan garbh-chrioch: Tha mo shugradh gun aiteas, Bho ’n a dh’ aisig thu ’n Ghearmaillt: ’S bi’dh mo dhuil thu thighinn dachaidh, Le sar-bheachd mar a dh’ fhalbh thu, Gu seasamh do dhùthcha, ’S gum biodh do chliu air a dhearbhadh. Co ’ga mathadh tu eacoir? ’S e bhi reidh riut a b’ fhearr dhoibh, Na rib thoirt a t-fheusaig, Nuair a dh’ eireadh do chalg ort; Ri àm dol ’s an iomairt, ’S tu gun ghiorag neo-chearbach, Cha tionndadh tu slinnean Ri aon cheann-cinnidh an Albainn. Fhir ’ga math ’gan d’thig deise, ’S cùmbach, deas, thu fo t-armachd, Gunna caol a’ bheoil snaidhte, ’S paidhir dhag nam ball airgid, Lann thana ’n deagh fhaobhair, ’S lamh mo ghaoil-sa ’na ceann-bheairt, ’S mairg a thigeadh air t-aodunn, Nuair a mhaomadh an fhearg ort. Ann an latha sin Pheiti, Gu ’m bu deas thu air fear-ghleus; Dh’ eirich ardan chloinn Domhnuill Am barr sroine ’n laoch mheamnaich: A’ dol gu ionad a chomhraig, An deigh bhi t-fhogairt le searbhaig, Mhill a bharail an Leodach, ’S mheall a dhochas a’s earbs’ e. [TD 98] A’s dh’fhalbh treundas a’ ghaisgich, A’s chaidh casg air gach ain-theas, A bha ’g eiridh ’na phearsuinn, Ged bu reachdmhor a mheamna; Thuit ardan ’sa chaonnaig, Mar gu ’n traoghaidh an fhairge, ’S ann an eiric a bhagairt Chaidh e dhachaidh air carbad. Ma theid an fhirinn a luaidh ruit, Cha ghluaisear droch ainm ort; ’S leat beannachd do thuatha, ’S mor a luach dhuit a’ falbh leat; Tha thu miosail aig uaislean, ’S lionmhor buaidh ort ri sheanchas— Smachdail, iriosal, stuama— Gaisgeil, cruadalach, calma. ’S lionmhor bochd tha ri urnuigh Gu dluth airson t-anama, Gu ’n gleidhte thu gun chiuradh, Fhir chliùitich ro ainmeil; ’S ged bhiodh dream am mi-run dhuit, No dhùraichdeadh marbh thu, Cha bhuannaichd iad cuis dhiot, A’s Righ nan Dùl mar shealbh ort. ’S lionmhor sruthan gun truailleadh ’Tha gluasad, gun fhòtus, Eadar mullach do ghuaillean Agus cluaisein do bhroige; Cha b’ i ’n uaisl’ thoirt a dh’ aindeoin, No a’ ceannach le stòras, A rinn an t-oighr ’ ud air fearann, Ghlinne-Garradh a’s Chnoideirt. [TD 99] Cha do ghabh thu i ’n iasad, Bha i riabh aig do sheòrsa, Slat do ’n abhull gun chrionaich, ’S mor am fiach aig Cloinn-Domhnuill; ’S ge b’e theannadh ri innseadh, Bha thu dileas gu leoire, Do dh’ Iarla Rois agus Ille, Ged a dhibir a’ chòir e. Tha sid sgriobhta ’n Dun-eidean, ’S faodaidh leughadair fhaicinn; Ma ’s a fior mo luchd-sgeula, Gur i ’n eacoir a thachair, An uair a chaill iad le foirneart A’ ni bu chòir a bhi agad— Ceannas-cinnidh Chloinn Domhnuill, Ach dh’ fhaodadh comhdach a thagradh. Ann an cogadh no siochaimh, Cha bu diobhail ceann-feachd thu, Le d’ shuaicheantas riobhach, Ri crann direach gun ghaiseadh; Craobh, a’s caisteal, a’s leomhann, Long fo seòl, agus bradan— ’S an lamh-dhearg a rinn Domhnull, An uair a chomhdaich e a ghaisgeadh. [TD 100] Cumha do dh’ Oighre Mhic-’ic-Alastair, a dh’ eug na leanamh. FHUAIR mi sgeula di-luain, A leag deòir air mo ghruaidh. ’S a dh’ atharraich snuagh, Air iomadaidh sluaigh— Aonghais òig do thoirt uainn! ’S nach do sheasamh thu buan; Bhi ’ga d’ chàradh ’san uaigh, Dh’ fhag sid t-athair fo ghruaim ri bheò! Dh’ fhag sid t-athair, &c. Bhuail an t-saighead e giar, Chaochail aidhear, ’sa mhiann, Thuit a chlaidheamh ’sa sgiath, Dh’ fhag sid achdain na chliabh, ’Chridhe cràiteach ’ga shniomh: ’S b’e sid aobhar nan diar, ’S mor m’ eagal gu ’n lia e òg. ’S mor m’ eagal, &c. ’S ann an caibeal nan tùr Dh’ fhag e ’n tasgaidh a rùn, An Cill-fhionain ’s an ùir; An deach’ a shinnsreadh air thùs, Na cinn-fheachda fhuair cliù, Tha na ’n cadal, ’s nach duisg, Gus an iarrar iad dh’ ionnsuidh mhòid. Gus an iarrar, &c. [TD 101] Biodh ar dòchas le ’r gniomh, ’S an Ti is airde na ghrian; Nach bi ’n làrach gun siol, ’S gach aon neach ’gam bheil ciall, A’ guidhe dùrachdach dian, ’Oighre ’n ionad na thriall, Bho nach maireann an ciad mhac beo. Bho nach maireann, &c. Tha do mhathair fo chreuchd, ’S i cràdh-lotach a d’ dheigh, Air a sgaradh bho cheill, ’S beag an t-iongnadh dhi e, ’S ùlaidh mhaiseach a cleibh, Air ’n do bhuilich i speis, A thoirt seachad do ’n eug, ’S cha b’e h-earras, no spreidh, no stòr. ’S cha b’e h-earras, &c. ’S truagh a mhuim’ thug dhuit cioch, Thuit na h-urrad ’ga prìs, ’S mor an t-urram ga di, Mac an athar nach crìon, Leis an òlar am fion, ’Bhi ’ga chàradh ’sa chill, An cìste chumhainn chaoil dhìonach bhòrd. An cìste chumhainn, &c. Rì linu do bhaistidh, ’s bu dual, Fion ga chaitheamh mu ’n cuairt, Fhuair sinn aidhear a’s uaill; Ach dh’fhalbh an lath’ sin uainn, ’S meudaich airteal a’s gruaim, Air mor mhaithean a’s tuath, [TD 102] ’S iad ri iomadan truagh, ’Bhi ga t-fhagail co luath fo ’n fhòd. ’Bhi ga, &c, ’S maith mo chuimhn’ air an fheisd, A chaidh cruinn ’sa chreig-leidh, Teinntean aidhir ’s gach beinn, ’S fearann t-athar gu leir; Mar gu ’n laist’ e le céir, ’S goirt bhi ’cumha na d’ dheigh— Dh’ fhas sinn dubhach gun speis do cheol. Dh’ fhas sinn, &c. ’S caointeach mnathan ri tùrs’ Deoir ’g a ’n taomadh gu dlu, ’Caoidh an aobharaich ùir, Airidh gaoil, agus muirnn, Bho ’m bu chaoin sealladh sul, ’S mailean caol ’os an cionn, Gruaidhean daite, ’s a chul mar òr. Gruaidhean daite, &c Thuit an t-ubhal bho ’n gheig, Grainne mullaich an treud, Og-cheannard nan ceud, Bho thùr gleannach nan steud, Ga ’m bu duchas mar bheus A bhi ceannsgalach, treun, ’S lionmhor suil a tha d’ dheigh a’ bron. ’S lionmhor suil, &c. Eadar Garraidh nan steoll, Agus Cnoideart nan tonn, ’S ioma cridhe bheil toll, Agus fear a tha trom, [TD 103] ’Sheasadh leat air gach tom, ’Dhoirteadh fuil ann a d’ gheall, Mu an cailleadh tu bonn do d’ chòir. Mu an cailleadh, &c. Chionn ’s gu mealladh tu t-ainm, Dh’ eireadh leat fo ’n cuid arm, Gallain dhìreach gun chearb, Bho ’n t-slios mhìn agus gharbh, Fiùrain, mhileant’, gharg, Buidheann rioghail, gun cheilg; ’S mairg a spìonadh dhiu calg, ’N àm dol sios ann an dearbhadh gleòis. ’N àm dol sios, &c. Nam b’ aon chuis, ach an t-eug, Leis an tuiteadh tu ’bheum, Ghabhta cunntas da reir, ’S cha bu toir i gun deigh Aig do mhor-chinneadh fein, ’S iad mar leomhainn gu streup, A’s cha d’thigeadh ruit beud ’ga ’n deoin. A’s cha d’thigeadh, &c. Nam b’ eol dhomh ’n àireamh le grunnd, Bu dlu cairdean ri d’ chùl, ’S t-athair graidh air an tùs, Ceannard chaich, ’s an cairt-iùil, ’G am bheil leirsinn a’s rùm, Beachd a’s géire ’na shùil, ’Chuireadh eacoir fo ’r cùl, ’S reachadh t-éirig thair cunntas òir. ’S reachadh t-éirig, &c. [TD 104] Ri linn do chaismeachd thoirt suas, Cha bu chadal no suain, Do shiol Cholla nam buadh, As an Eirthire tuath, Mac-Dhomhnuill ’s a shluagh, Bho na h-eileinibh cuain, Bheireadh caisleachadh cruaidh, Air do naimhdean le fuaim, Mu ’n leigeadh e uaithe sgòid. Mu ’n leigeadh, &c. B’ ann do d’ bharantas cuil, Mac-ic-Ailein ’s a chùirt, ’Thogadh ealamh a shiùil, Ri crainn ghallanach, ùr, ’Bheireadh sniomh air a bùird, ’S a dh’fhiachadh darrach a sùgh, Air chuan mara nan lùnn, Thigh’nn gu d’ charraid le luths’ an dòrn. Thigh’nn gu d’ charraid, &c. Bhi’dh iad sid leat gun fheall, Cloinn Iein an nall Bho Innein nam beann, ’Bhàrr ùrlair nan gleann, ’Sheasadh dìleas a d’ reang, Nam bu stri a bhiodh ann, Neimheil, guineach, gu call, Gus a faigheadh iad ball fo d’ bhròig. Gus a foigheadh, &c. Cha bu mharbh-it e d’ sgeith, ’N cinneadh Foirbiseach treun, ’Dol fo ’n armaibh air ghleus, [TD 105] Bu neo-chearbach an treud, Gun an-earbsa ri t-fheum, ’S am fuil dearbhta ann a d’ chrébh, Uasal, meamnach, a’ leum, Gus an d’ fhuairich i t-féithibh òg. Gus an d’ fhuairich, &c. Cumhadh do Mac Dhughaill, Dhun-Olla. AIR FONN—“Alastair a’ Gleanna-Garradh.” ’N AM dhomh gluasad moch ’sa mhaduinn, As mo chadal, ’s lag mo dhùsgadh, Gun chioseachd, gun ruith, gun mharcachd, ’Theid air astar as mo dhùthaich: Ge do fhuair mi ioma doruinn, ’So a chnoidh a leon as ùr mi, Mo cheann-cinnidh fo na bordaibh, Fàth mo dheoir, cha bheo mac Dhughaill! ’S leur a leus sid air do chairdean, Bho ’n a chàraich iad ’s an ùir thu, An ciste chaoil, ’s na saoir ’ga sabhadh, Le scru-thairnnean air a dùnadh; S lionmhor dorn a bha ’ga fhàsgadh, ’S cridhe craiteach lan do thursa, ’S maighdeanan gun luaidh air manran, Nuair a dh’ fhag iad thu ’sa chrùiste. [TD 106] Dh’ aom gach suil a bh’ ann gu tiomadh, ’S thaom iad air mhire le dortadh; Mar uisge nan gleann bho ’n fhireach, Bu fhrasach sileadh gu ’m brògan; Gach neach, a b’ oige a ’s bu shine, ’Bh’ air do chinneadh bha iad leointe, Dheadhadh an tobair ’s leir an grinneal, Bh’ achda, mar mhil, gu bhi ’g òl as. Bu tursach imeachd do shluaigh leat, Air an guaillean fo bhrat ciar-dhubh, Bha do luchd muinntir fo ghruaman, An càs cruaidh, ’s do thuath fo mhi-ghean, ’S e bhi ’g a t-ionntraichean uatha, Dh’ fhag an achdain truagh ’s an tiom sin, ’S nach d’ thig ath-sgeul gu la luain ort, ’S cha chluinn do chluas fuaim na pioba. Dh’ fhag iad thu ’sa chaibeal uaigneach, Fo lic fhuair an Cille-bhride, ’N àm bhi treachailte na uaghach, Laidh smal air uaislean ’s air ìslean; Mu ’n t-saoidh nach robh tais an cruadal, Gheibheadh buaidh an uair na stri, A lasaicheadh gach snuim bu chruaidhe, Dheanadh fuasgladh air do dhìlsean. Fhuair thu sealladh ceart mar dhìlib, ’S cha b’ ann le innleachd na speuclair; Co dhiu bu chogadh na sith e, B’ ard’ ri innse brigh do leirsinn; Cha bhiodh do chairdenn am priosan Fo bhinn aig luchd ditidh breige, Dh’ aindeon tuaileas, fuath, no mi-run, Cha d’ thugta dhiot cìs le h-eacoir. [TD 107] Bu tu a’ fir-eun, ’s righ na h-ealtuinn, Seobhag meartainneach, nan ard-bheann, Nach leigeadh a nead a chreachadh Gun chruaidh-ghleachd ri neart a namhaid: Leomhann prìseil, dileas, reachdmhor, Rioghail, smachdail, beachdail, cairdeil, Aigeannach, cruadalach, gaisgeil, Nuair a lasadh tu le h-ardan. ’S mairg a thigeadh le oil’-bheum ort, Na spionadh bho t-fheusaig ribe, Dh’ fheumadh e bhi calma, treabhach, Acfuinneach, gleusda, neo-ghliogach, Bearraideach, gu leum gach feithe, Mu ’m fagadh e t-eideadh sgibeag, Cha bu leis a laidh a’s eiridh, ’S ann da fein a bhiodh a thrioblaid. Bu tu an caisteal glaiste, duinte, Ad’ bhalla dubailte mu d’ chinneadh, ’S lionmhor dream a bh’ air do churam, D’ an tearnadh bho chuisibh millidh: Bha thu d’ ghàradh ard ri ’n cùl-thaobh, ’Geard gach fiùran ùr do ’n ghineil, ’S air mo laimhse cha b’e an sùgradh, Dhol a spùinneadh t-ùbhlan milis. ’S misde comhairl’ Arra-ghaidheal, Nach fhaicear gu bràth ’s an Dùn thu; Bu leat toiseach suidhe ’n airde ’S an tigh-lagha ’n lath’r Diùchda; Bha thu reachdmhor, neartmhor, dana, A ghleidheadh sàbhailte do mhuinntreach: Anns gach cùis d’ an geard bho ’n namhaid, ’S cha robh sgath ort romh luchd diumba. [TD 108] ’N àm bhi cruinneachadh na cùirte, Cha bu chùbair ’s an tigh-mhòid thu, Nuair a leagadh tu do dhùrachd, Bhi’dh do chumhnanta gun sgeòd air, Euchdach, daingean, ceannard, cùiseil, Fearail, cliùiteach, bho thùs t-òige; Ghualla threise ’sheas do dhùchas, ’S nach robh ’giullan cunntas chleochdan. B’ oighre dligheach air Iein ciar thu, Ghleidh na riaghailtean ’na ionad; Chaidh an stiùir an laimh na fialachd, ’Bha làn riarachadh do chinnidh, ’Ga ’n dion fo fhasga do sgéithe, Mar bhuachaill air treud ’san innis; ’S ge do thigeadh càch ga ’n teumadh, Cha robh feum dhoibh dol ’ga ’n sireadh. Bha do chaoin mar aoidh an t-sioda, Mar chloich mhineachaidh an reusair, T-as-caoin gharg mar dhroigheann ineach, Mar chuillin bu lionmhor geurag; Cha b’ ann do ’n fhearr-dhris a chinn thu, Ach a chraobh bu riobhaich geugan, ’Bhi ’ga d’ shloinneadh cha bu stri lium, ’S bha thu dileas do shir-Seumais. Thriall Iein ciar an rian a phòsaidh, ’S chaidh e dh’ iarraidh oigh o’ Sleibhte, Air Uilleam Ruagh mac-mhic-Dhomhnuill, ’S fhuair e i le ordugh cleire; Cha b’ iongnadh ardan ’bhi d’ shroins A laoich, bu leat an coir le cheile, ’S an fhuil uasal ’ghluais bho ’n mhorachd, Suas a d’ phoraibh, ’s cha bu bhreug e. [TD 109] Bha thu shiol Cholla ’s nan gaisgeach, ’Thainig air aiseag bho Eirinn, Do ròiseal nan sluagh ’s nam bratach, Choisneadh buaidh na’ cath le ’n treundas; C’ aite ’n cualas iad fo mhasladh, ’N ruaig, am feachd, an gleachd, no ’n streupaid? ’N àm bhi rusgadh na’n ùr ghlas-lann, Bho ’n dùirnn bhas-gheal, bhras gu reubadh. Ged thainig Dughall air thoiseach, Sgial ’tha coltach gu ’m b’e ’bhrathair, Domhnull, ’gan robh buaidh le chrostachd, Nuair thilg e thair stoc an lamh dheth; An deigh bhi criochnachadh a chogaidh, Le Righ Lochlunn, brath’r a mhathar, Le cruadal a fhuair iad fortan, Ri linn goirteachadh na cràige. Dh’fhag sid suaicheantas ’sa bhrataich, Aig na gaisgich chuir ’n aird i, Lamh dhearg, a’s leòmhan, a’s caisteal, Long a’s bradan, a’s crois-tàraidh, Dluth-bhad fraoich am barr a mhaide, Dùbh-ghorm gaganach bho ’n fhasach, ’S gach culair a b’ àilidh dathan, ’S craobh do ’n abhull as a ghàradh. ’Mhic-Dhughaill mu ’n d’ rinn mi labhairt, Shloinnt’ thu air mhaithibh nan gaidheal, Bho ’n fhuil uaibhrich a thaobh t-athar, Bha’ n uaisle ’tathaich do nàduir; Siol a’s iarmad nan triabh flathail, Mhor-fhir Lathurnna ’s nan àrmunn, Ge do chaill iad coir an claidheamh, Dheanadh sgathadh air a’ namhaid. [TD 110] ’S ma bha uaisle ’n cloinn-mìli, Bho ’n a shiolaich iad bho Adhamh, Bha i mu d’ ghuaillean a’ direadh, ’S tu dh’ fhuil dhirich Righ na Spàinnte; Gheibhte sid ’san eachdraidh scriobhta, Seasaidh firinn anns gach aite, ’S gun dol co fada ’ga innseadh, B’fharsuinn ’san rioghachd do chairdeas. Bu leat Mac-Dhomhnuill nan eileann, Mac-ic-Ailein a’s Cloinn Raonuill, Mac-ic-Alastair an gallan, Bho ard-gharaidh nan sruth càir-gheal; Mac-ic-Raonuill bharr na Ceapaich, Mar cailleadh e leachd ’sa làrach; ’S Iarl’ Anntrum nam piob ’s nam bratach, Sgith leinn Sas’nach bhi ’na àite. ’S mairg a dh’fhagadh iad an di-chuimhn, ’S bhi’dh tu cinnteach as am fabhar, Cloinn Alastair a’ Cinntìre, ’Sheasadh dileas dhuìt ’s gach aite; Cha bhiodh an comhnadh a d’ dhith-se, ’S iad cho firinneach do ’n àlach, ’Leis an togta fraoch a’s pioban, ’N àm bhi dol sios ’s na blaraibh. ’S gheibheadh seanchaidh as gach taobh iad, Bho ’n a dh’fhaoidte ’n cuir a’ lathair; Aig àm dhuit teannadh ri caonnaig, Bu leat na laoich nach robh sgathach; Mac-Lachuinn an t-srath ’s Mac-Laomainn, Nach claonadh ri h-aodunn gabhaidh, Uaislean dileas, rioghail, daoineach, ’S cinnteach daonnan a bha ’m pairt ruit. [TD 111] Thigeadh Greumaich ’s Cloinn-an-Aba, Dh’ eireadh gu d’ thogradh Mac-Phàrlan, Le ’n comhlain a dh’ fhearaibh gasda, A dh’ fhuilgeadh fràs mu ’n caisgte ’n àrdan; ’S ioma ceannard bharr na machrach, Nach dean mise mach an àireamh, ’S gun dol na ’s fhaide ga ’n seanchas, Cha fhreagair an ainm ’sa Ghaelic. Duanag do dh’ adhairc an tombaca, air dhi a bhi falamh. GED tha mise gun tombaca, ’S ann tha ’n cùnnradh thall a Faicheum, ’S lionmhor punnd, a’s unnsa, a’s cairteal, Tha ’sa phachd aig mac-Gillios, Hug o ruinn o, ’s mi fo airteal, Hiltu, hill o, tionnaidh ceart rinm, Fiachaidh mi do ghrund an geart-uair, ’S bheir thu seachad na bheil shios.* Ged dh’fhalbh an drochaid ’s an clachair, Tha bàt air lingidh na dabhcha, ’S na’n d thugadh iad dhomhsa ’n t-aiseag, Cha chunntainn-se ach lag a’ phrìs. ’S ged tha m’ adharc lùbach, shlisneach, Gun chleit’, gun snaoisein, gun ite, Bu mhor an diùbhail a bristeadh, A’s gleidhidh mis’ i agam fhin. * Ri bhi air aithris an deigh gach rann. [TD 112] Ged’ tha i gun deann ’san uair so, ’S duilich lium a ceann a bhualadh; Nam biodh aice gheibhinn uaipe, ’S mise tha truagh i bhi ’ga dhi. ’S ann oirre chuirinnse failte, ’Sa mhadainn ’s bu chùrraidh faileadh, Thogadh i mo shunnt gu manran, Ge do bhithinn cràiteach tìnn. ’S ged tha i falamh an trath-sa, Cha b’e ’n t-iargalltas a h-àbhaist; Bha i roimhe fialaidh pàirteach, Aig Eòghan bàn mac-a’-Phì. ’S fad a ghiulain fear mo ghraidh i, Bho chrìch iomalaich na Spainnte; ’S ann san Eadailte no ’m Flànras, A fhuair e ’n t-àileagan bha grinn. Ged shiubhlainn Albainn a’s Sasunn, Bailtean margaidh, agus machair, Cuma’ deilbh cha ’n ’eil ri fhaicinn, Ged do ’s farsuinn muir a’s tìr. ’N adharc bhuadhail, chuachach, òrdail, Shnasmhor, chuairsgeach, dhualach, bhoidheach, ’N latha fhuair mi ann am dhòrn i, Cha b’e gìni an òr a fiach. Tha slios cho mìn ris an làmhainn, Gun ghaoid, gun sgolltadh, gun sgàineadh, Gun pheasg, gun eagan, gun ghàgan, A’s dh’fhaodadh i bhi ’n laimh ’n Righ. ’Sa measg cheathairnne, no uaislean, ’S fheudar dhomhsa cuir fo dhuathar, [TD 113] Aig eagal gu ’n d’thoir iad uam i, A’s chuireadh sid gu buaireadh mi. Tha i suaicheant’ ann an coisreadh, Le slàbhraidh bho laimh an òir-cheaird; ’S nuair theid mi ’n coinneamh na’n còmhail, Their gach duine coir “c’ i dh-i”? Ge do gheibhinn gun da-pheighinn, Bà-bheothach air an d’fhas a leithid, B’ fhearr lium i na fheòil ’sa leathar— ’S gasda ghleidheas i ’n rapee. ’S tric a thug i dhomhsa gliocas, Nuair thairninn ri m’ shroin an ite; ’S ann na beulsa a gheibhinn fios Air sgiala misneachail na sith’. Nuair a tharlainn a ’s tigh-òsda, Thairninn a mach as mo phòc’ i, Air a clàr a gheibhinn sòlas, B’ fhearr e na bhi ’g òl air fion. B’ àit lium agam air a bhòrd i, ’N àm a bhi seinn dhàn no orain, Ghleusadh i mo chail gu ceol domh, A chuir nan rann an òrdugh binn. B’ fhearr e na gach saor a’s tuairneir, A’ fear-ceaird a lub mu ’n cuairt i: Mar fhalt an ceangal air gruagaich, Deagh-ghreidhte suas ri cul a cinn. Mo phreas, mo Shelleir mo chiste; ’M ball earnais a ’s fheairde mise; ’S ioma cearna an cluinn iad fios Gun d’ fhuair mi gibht bho mac-a’-Phì. [TD 114] Oran do thombaca na sreothadaich, thugadh ann am failmse do ’n ughadair, le seann mhnaoi. ’NUAIR a chuir mi suas ri m’ shroin e, ’S gun lan mo dha mheoir ann uile, Dh’ fhosgail e mo bheul, ’s mo phòran, ’S chluinneadh iad mo cheol an Lunnuinn. Hug o riunn o, ’s mi fo smuairean, ’S mor mo ghruaim nach d’ fhuair mi tuille Do ’n tombaca bh’ aig nighinn Ruairi, Chuireadh am fuachd as gach cuinnein.* Ge h-ainmeil an tobair buadhail, Tha ’s taobh-tuath, ’s ged fhuair e urram B’ fhearr am bocsa bh’ aig nighinn Ruairi, A’s i fein le h-uaisl’ ’g a fhuran. Cha ’n ’eil trioblaidean, no teugbhail, A dh’ fhaodas tigh’nn an creubhaig duine; Nach tarruinn e mach as fhéithean, ’S b’ fhearr e na ’n leigh a bha’ Muile. Cha ’n ’eil tinneas cleibh, no casdaich, No achdain, ’tha ’tachdadh muineil, Nach dean e fhuasgladh, ’s a chartadh, Mar an luaidhe ’mach a gunna. Cha ’n ’eil cnatan, ’s cha ’n ’eil déideadh, No at a sheideas ’n ar curaich, * Ri bhi air aithris an deigh gach rann. [TD 115] Lòini airteal no eug’ail Nach cuir e a céids’ an duine. ’S ged bha mise dhith mo leirsinn, Bho chionn ochd bliadhn’-deug a’s tuille, Thug e fradharc math an dé dhomh, ’S chi mi srath, a’s beinn, a’s munadh. Ma tha trioblaidean da’r bualadh, No galar-fuail cruaidh ri fhulang, Ruigibh Ealasaid nic-Uaraic, ’S gheibh sibh fuasgladh as gach cunnart. An luidh phriseil, bhrigheil, shugh’or, A cridhe duinte nan duilleag, ’S ged bhiodh e gìni ’n t-unnsa, Cha d’ thig mis’ as iunnais tuilleadh. Nuair theid mi Ghlascho nam bùthain, Bheir mi dhachaidh lium na h-urad Do ’n tombaca blasta chùraidh, ’S gasd’ an cunnradh leis gach duin’ e. Their gach feir a cheannchas cairteal, “Air m’ fhacal gur math do thuras, ’S mor a bhuannachd thig a d’ phachda, Ma ’s e gur tombac’ th’ ann uile.” Dh’ fhag e mise fallain, treubhach, Acfuinneach, eatrom le sulas; ’S nam faighinn caìleag a’ m’ sgeithidh, Cha bhiodh eislein air mo bhuile. ’N raoir a labhair mo bhean fein rium, “B’e naidheachd eibhinn e dhuine, Ma ’s e snaoisein a rinn feum dhuit, Chuirinn na eirig mo churachd.” [TD 116] Chatriona, gur fior an sgeula, Bheir sinn le cheile dha ’n t-urram, Dheanadh e sith agus reite, ’S chuireadh e air ghleus na cullaich. “Ma dh’ fhag e thu t-ath-aois-oige, Reachainns’ air a thoir a Lunnuinn, ’S math lium agam fada beo thu, Bho ’n tha mi co eolach umad.” ’S nam faighinn dheth lan mo bhosdain, B’ fhiach e do ’n òr cor a’s muillein, ’S mu ’n d’ thugadh e as mo dhorn e, Chumainn comhrag ri Cochullunn. Co bheireadh uam e air eiginn, Bhiodh mo spionnadh fein ’g a chumail, ’S ged thigeadh uaislean na Feinne, Bu treis’ e fein na iad uile. ’S ged dh’ eireadh Fionn agus Oisein, Goll agus Oscar an curaidh: Bheirinns’ fhaileadh dhoibh an toiseach, ’S reachadh iad bho chosnadh buileach. Cha ’n ’eil crubach, cha ’n ’eil bachdach, Cha ’n ’eil fear astair, no turais; Nach d’ thig a bhaile-mac-Glasdoir, ’S ann tha ’n tombaca ’ga ghiullachd. Tha muilinn air allt an fhuarain, ’Mheileas do nigh’n Ruairidh tunna, ’S fheudar dhomhsa dol ’g a sguabadh, Dh’ fhiach am buannaichd mi air ullag. Sgribidh mi timchioll na h-acfuinn, Far am bi shadach a fuireach, [TD 117] ’S cha ’n iarr e chriathradh na fhasgnadh, ’S fhearr a bhlas na fras a chruinichd. Bliadhna mhath do ’n fhear a bhuain e, Saoghal buan do ’n fhear a chuir e; Slaint’ air an lamh a rinn cruaidh e, ’S gu ’m b’ airidh air duais a mhuilleir. Oran do ’n Mhaidseir Seumas Domhnullach, ann an Reisemeid Mhic Coinnich, Tainisteir Glinne-garradh. AIR FONN—“Tha mo chion air mo leannan,” &c. ’S AN àm dhuinn eiridh ’sa mhadainn, ’S aite sgeula so th’ aguinn, Màidseir Seumas thigh’nn dachaidh, As an Eipheid air asdar, Air muir reidh, ’s thair chuan farsuing, Gun trom éislean, gun airteal, ’S e gun reubadh gun ghlachdadh, Dh’aindeoin treunadais gaisgich na Frainge. Dh’aindeoin, &c. ’S e thug leirsinn do d’ chairdean, A bhi leughadh na gàsaid, A sgeul eibhinn so thaing Ort, a Sheumais, gu d’ bhrathair, Do mhor-euchdan ’gan àireamh, ’S na h-Eipheidich craiteach, [TD 118] ’S iad gun eiridh ’san ar-fhaich, A’s thug sid féisd do na gaidheil, An uair a ghleidh thu do larach ’gan an-toil. An uair a ghleidh, &c. An deigh an totail a fhuair iad, ’S lionmhor corp a bha buailte, Cradh-lotach gun ghluasad, Air an cosgairt le luaidhe, Cha d’theid iomairt gun fhuathas, Cha robh ’n cunnart gun chruadal, An latha dhearbh thu do dhualchuis, Dh’aithnich cach gun robh buaidh ort, A’s dhuit a liubhair iad suas an comannda. A’s dhuit a liubhair, &c Fhuair thu cliù anns gach baiteal, Thug thu ’n duchas bho t-aitim, Slat dhubailte ’n aiteann, Nach gabh lubadh le masladh; Iubhair cùraidh nan cas-bheann, Cha b’e ’n sùgradh tigh’nn bras ort, An àm dusgadh do ghaisgidh, An uair a ruisgeadh tu ghlas-lann gu ceannsgal. An uair a ruisgerdh, &c. Nuair a dh’eireas a fraoch ort, A’s tu air thoiseach do dhaoine, ’Dhol a theannadh ri caonnaig, ’S mairg a thigeadh air t aodunn, Cha bu bhuannachd an saothair, ’S ruith do luaidhe ’ga taomadh, Mar a’ chruaidh-fhras bho ’n aonach, A’s chite fuil, agus faobh air do naimhdean. A’s chite fuil, &c. [TD 119] Air do thuras thair sàile, Fhuair thu urram ’s na blàraibh, Ann an cumasg ’san làmhach, ’Dhol an cunnart no ’n gàbhadh, Bu tu ’n curaidh neo-sgàthach, A thoirt buille no sàthadh, Le spionnadh do laimhe, Dhoirteadh fuil anns an àr-fhaich, A’s dhioghladh muineil na graisg air an aimhleas. A’s dhioghladh, &c. Fhir a’s fosgarra labhairt, Ann am brosnachadh catha, Romh thòit fudair a’ gabhail, ’S buaidh gach cùis ann a d’ lamhaibh; A’s b’e do dhùrachd a’s t-aidhear, A bhi rusgadh do chlaidheamh, ’Ghearradh smùis agus chnaimhean, A’s dhearbh thu dùchas mhic t-athar mar cheannard. A’s dhearbh thu, &c. Leat bu mhiann mar cheol cluaise, Feadain bhinn nan sgal cruaidhe, Thig bho ghillean nan luath-mheur, Leis na seideagan guanach, ’S piob mhor na ’n dos luaineach, A’s an ra-treuta ’g a bualadh Aig an reisemeid thuathaich; Cha b’ e tilleadh bù dual duibh, ’Nuair a chluinneadh iad uaitse ’n adbhannsa. ’Nuair a chluinneadh, &c. Pearsa chumbach a’s ailidh, ’S tu air thus a bhatailean: Ge b’e dhuisgeadh do nadur, [TD 120] Cha b’e ’n sugradh tigh’n dan ort: Far am bruchdadh tu t-ardan, Cha bu chubaire sraid thu, ’Dhol a chunntas ri d’ namhaid; A’s bhiodh e dubailte paighte le famhlas. A’s bhiodh e dubailte, &c. Sgiala fior, gur tu ’n urrainn, ’G am bheil innleachdan curaidh, ’Dhol a dhioghladh nam buillean; ’S bu tu fir-eun a mhunaidh, Seobhag rioghail an duillich, Siol na mìli b’fhearr cumadh, Sid an fhior fhuil g’ am buin thu, ’S tric a choisinn le h-urram buaidh-larach. ’S tric a choisinn, &c. Slat do dh-abhull a gharaidh, Is faisg’ do ’d ubhall a’s airde, Gun uireasbhiduh fasa, Bho ’n stochd urramach, laidir; ’S lionmhor fuil ’tha blaths’ ort, Bho d’ mhullach gu d’ shailtibh, ’S a tha dubailt’ am pairt riut, Ge b’e shloinneadh do chairdeas le ranntachd. Ge b’e shloinneadh, &c. Ge b’e theannadh ri sheanchas, Tha e farsuinn ri leanmhuinn, Ann an eachdraidh na h-Alba: Siol nan Collaidhnean calma, Dheanadh pronnadh a’s marbhadh: A’s ’gan robh comas gu dhearbhadh, A leomhainn fhuileachdaich mheamnaich, ’S cian ’s gur fada chaidh ainm ort ’s gach aite! ’S cian ’s gur, &c. [TD 121] ’S beag an t-ioghnadh ri aithris, Ge d’ bhiodh ardan ad’ mhalaidh; Air mo laimh cha b’e cheannach, A rinn tànaisteir fearainn, Triath Chnoideart, ’s Ghlinn-garradh; A’s an fhuil mhoralach fhallain, Ag eiridh ’sròin an laoich fhearail: ’S coir dhileas bho shean i, Do ’n fhear liath gus an leanabh do ’n àlach. Do ’n fhear liath, &c. Gnùis mhacanta, chaoimhneil, Aghaidh fhlathail an t-saighdeir: ’S bu tu leannan nam maighdean, Na ’m bu gnath leat am faoidhneachd; Cridh’ is gloine na ’n daoimean, Mar chéir laist’ ann an coìlleir; Sàr ghaisgeach gun fhoill thu, Choisinn cliu nach do thoill a bhi samhach. Choisinn cliu, &c. Suil ghorm is glan lionadh, Gruaidh is maisiche sioghladh; ’S a bheil lasadh an fhiona, Deud snaidhte mar iobhraidh, Am beul a labhairt na firinn: A’s pearsa ghasda dheas direach, A ni ’n creachunn a dhìreadh; A’s lamh a leagadh na sithne, Moch air mhadainn am frìth nam beann arda. Moch air mhadainn, &c. Lamh a leigeadh na fola, Air chuan réidh no air talamh; Ge do dh’eireadh an an-uair, [TD 122] Air luing euchdaich na’n crannag, Gus an déisgeadh a darrach; ’S a buill threubhach ’gan gearradh, Le séisdeadh nan canan Ort, a Sheumais, cha b’ aineol Dol gu treundas an carraid a’ chabhlaich. Dol gu treundas, &c. ’S lionmhor buaidh a’ comh-fhàs ruit, Nach ’eil suarach ri ’n àireamh, Uasal, cinneadail, cairdeil, Truacant’, iriosail, bàigheil: Gualla dheas mu ’n iath sgàrlaid, Bu mhor do mheas aig na Spàintich: Is laoch gun tiomadh ’sa spàirn thu, Nach gabh giorag ri airde na h-aimhreit. Nach gabh giorag, &c. An t-òg aigionnach prìseil, Cuirteil, tatarach, dileas, Muirnneach, acfuinneach, rioghail, ’Chuireadh sgairt fo na mìltean, Ann an ceartas do rioghachd, Sheasamh t-fhacal a’s t-fhirinn; Air thùs feachda gu ’n striochdadh, A chuir casg’ air luchd miorun a’s foirneart. A chuir casg’, &c. Marcach sunndach nan steud-each, Cridhe farsuing na féile, Ceisd nam fear, ’s nam ban beusach, A’ gleann barraich nan geug-mheur, A’s bho shruth Gharraidh nan éiteag; ’S i do shlainte theid eigheach, Chionn gach slighe bhi reidh dhuit, [TD 123] Anns gach ionad ’s an d’theid thu; ’S tu thigh’nn dachaidh gun eiginn, gun challtachd. ’S tu thigh’nn, &c. ’S bi’dh gach aon duin’ an àl so, ’S a bheil boinne dh’fhuil chàirdeis, An fhiùrain a’s àillidh, A’ toirt urram do ’n Ard-Righ, A bhuilich air làithean, ’S e bhi fhathast a’ lathair; ’S nach do sguabadh an làrach, Aig ar n-uachdairean àluinn, A fhuair mac agus brathair ’s an àm so. A fhuair mac, &c. A’s bho ’n fhuair sinn ar n-àighleas, Fhir na cuaiche thig lamh ruinn, A’s lion suas an deoch-slainte; A’s cuir mu ’n cuairt i le failte, Chum ’s gu ’n gluais sinn gu h-àbhachd, Le tosd uasal nam braithrean, Eadar thighearna ’s Mhaidseir, ’S oighre dligheach an armuinn bhi seamhsail. ’S oighre dligheach, &c. [TD 124] Failt an ughadair do dh’ Aonghas Og Ghlinn-garradh, Oighre Mhic-ic-Alastair. AIR FONN—“An Oigh aluinn ud Seonaid bhlath oirdheirc Dhunblain.” ’S E naidheachd so fhuair sinn, air mochthra di-luaine, Chuir m’ inntinn gu gluasad, ’s a nuadhaich mo chail; ’S mo chridhe gun smuairein le h-eibhneas a bualadh, Aonghas òg a chuil dualaich, air a chuairt a thigh’n slan: Mac oighre ’n fhir uasail, gu seasamh a chruadail, Le bhrataichibh buadhail, ’s bu dualchuiseach dha; ’Bhi leantuinn na ruaige, ’s laoich threuna ri ghuaillean, Le ’n geur lannaibh cruadhach a bhuannaichdeadh blar. Sliochd Mhili nan cathan, ’s nan Righrean bha flathail, ’S bu riobhaiche gabhail bho ’n Cathair ’s a Spainnt; Le ’n luingeasaibh sluagh’or, nach tilleadh le fuathas, Ri linn doibh a bhi gluasad air chuairt am Beinn-ghall: Ge tamull bho ’n uair sin, ’s e stochd as ’n do bhuaineadh An fhior fhuil gun truailleadh, ’s an uaisle fo blàth; ’S na sruthanan uaibhreach air sioghladh na d’ghruaidhibh, ’S clach-mhullaich na stuaghach, da ’n dual an deas-lamh. Craobh dhireach gun fhotas, ceann-cinnidh chloinn-Domhnuill, Leis an eireadh am mor-shluagh, le ’n roisealaibh ard; ’S na ’n d’ thigeadh iad comhla, gu seasamh do chorach, Bhiodh fuil air a dòrtadh le’n comh-stri ’s a bhlàr: Le ’m biodagaibh troma, ’s le ’n cloidheanaibh loma, A dheanamh am pronnadh, ’s an tolladh le ’m bàr: [TD 125] Bho neart nam fear-foinnidh, bhiodh an naimhdean ’s a choinneamh, Air a gearradh ’nan sconnabh mar chonnadh air làr. An t-òg Garrannach priseil, cuirteil, tatarach, rioghail, Muirnneach, acfhuinneach, dileas, nach dibir luchd-daimh; ’S ma theid thu ri d’ shinnsreadh, co buannaichdeas cis dhiot, No theannas ri stri riut, ’s do shioda ri crann? Gur deirbht’ le firinn ann an eachdraidh na rioghachd, Gu ’m bheil an fhuil dhireach a direadh ri d’ cheann; Bho ’n stochd as na chinn Iarla Rois agus Ille, ’S tu an t-oighre ro-chinnteach air Righ-Innse-gall. Ged a shloinn mi co fad thu, ’s e phuing tha air m’ aigne, Do stoilleadh a thagairt gle fhagus oirnn teann; Stochd laidir nan gleannach, ’s nan statachan fearail, Reachadh dana ’s a charraid a tharuinn nan lann; ’S tu ’m fiuran deas fallain a dluths’ na ’n geug barraich, ’S an t-oighre ud air fearann na ’n gallan ’s na’n crann; Làn durachd gach caraid, fad-uine dhuit maireann, An luchairt an talla aig bun Gharraidh nam beann. Làn sholas do ’n ghaisgeach chum òg thu ri d’ bhaisteadh, Thu thigh’n foghluimte dhachaidh a Sasunn an nall; Gu cruadalach, macanta, fuasgailte, sgairteil, ’S nach faicear air faich thu ann am fasan nan Gall, Ach feileadh sar-bhreachdain ’s ceum eatrom air astar, A shealg an daimh chabraich ann am fasga do ghleann, ’S do pheilleir tromh aisnean mu ’n cluinneadh e ’n lasag, Bho d’ chuilbheir caol snaidhte gun ghaiseadh gun mheang. [TD 126] Cas a shiubhail a gharbhlaich le tagha na h-armachd, Am frith nan damh dearga, ’s og a dhearbh thu do lamh; Mac t-athar bho ’n earbuinn a chuimse neo-chearbach, Le t-urchair gun dearmad, ’s tu sealg am beinn aird; Bi’dh puthar a’s riabadh, a’s fuil aig do mhiol-choin. Bho d’ luaidhe cha tearuinn greidh fhiadhaich nan carn; ’S do ghillean ro iasgaidh ’dhol dh’ fheannadh nam bian diu, A’s ga ’n carnadh air sliabh ann an ciaradh nan trà. Ma theid thu ri t-athair, ’se do mhiann agus t-aidhear Bhi coimhead ri rathad nan aighean ’s nam mang; Ann a d’ ghiomanach ullamh air cul’aobh a ghunna, ’S tu choisneas an t-urram ge b’e chuireadh riut geall: Ann am frith nan damh mullaich, ’n àm suidhe air tulaich, Do ghillean d’ an cuirreadh le furan ort teann; ’S stuth laidir na tunna chuireadh blaths’ air gach duin’, Da ’n riarachadh uile bho churaidh gun fheall. Tigh’nn dachaidh mu fheasgar, gur ’muirnneach, do fhleasgaich, A’ mire ’s a cleasachd ’s iad greis ag cuir gheall; Gu manranach, bead’rach, naisinneach, freasdalach, Nadurra, dleasanach, gu seasamh ’na d’ reang; Fir shunntach gun eislein, ’theid cumbach na ’n eideadh, A dhireadh na sleibhtean, ’s a thearnadh nam beann; Gu h-acfhuinneach, gleusda, fo ’m breachdain an fheileadh, ’S iad aidhearach, eibhinn, ’s tu fein air an ceann. Gu fiughandach, fearail, lan iuil agus aithne, Gun ghruaim air do mhalaidh, beul farasta an cainnt; [TD 127] Gu truacannta tairis, gu fuasgladh air caraid, Gu cruadalach, daingean, mar charraig nach fann; Sid duchas a Ghleannaich, bho thur nan steud seanga, Far am muirnneach, luchd eallaidh, ’s an talla nach gann; ’S piob mhor nan dos bannach, ’s nualannach langan, ’S air uaislean cha ’n annas an caithream sin ann. Cumha do Dhomhnull Camshron, a dh’eug ann an Lichd-ruaidh, an Lochabar, do’n gairmte gu cumannta Domnull mor òg. AIR FONN—“’S tearc an diugh mo chuis ghaire.” ’S GOIRT an naidheachd so thainig Oirnn bho bhraigh uisge Ruaidh, Chaill sliochd Iein-ic-Mhartuinn Guala laidir nam buadh: ’S lionmhor neach a bha craiteach Ri linn do chàradh ’s an uaigh, ’S beag an t-ioghnadh do chairdean A bhi ’n drasda fo ghruaim. ’S e bhi t-iarguinn a Dhomhnuill, A dh’fhag brònach an sluagh, ’S lionmhor maighdean, ’s bean òg, A chite deoir air an gruaidh, An latha chàireadh fo ’n fhod An t-saoidh mhor bha ’n Lichd-ruaidh, An ciste ghiubhais nam bord, ’S nach duisg le ceol gu la-luain. [TD 128] Lamh a losgadh an fhùdair ’N ard na’n stuchd-bheannaibh fuar, ’S e do thogail air ghiulan A dh’ fhag do mhuinntir cho truagh; ’S lear a bhlà air do dhuthaich Gu ’n deach’ an ùir ort co luath, ’S gu ’m b’ fhear comhairle ’s rùin thu, Aig an Diuchd ’s an taobh-tuath. Bha thu iriosail, cairdeil, Déirceach, puirteach, ri bochd, Uasal, combanda, braithreil, Nam b’e sid càs an d’thigt’ ort; ’S bu trom toradh do laimhe, ’N uair a tharladh tu ’n trod, ’S bhiodh mor fheum aig do namhaid Air leigh gu càradh a lot. ’S ro mhath laidheadh an armachd Air slios dealbhach an laoich, Paidhir dhag nam ball airgid; ’S iad gun chearb air do thaobh, Biodag ghlas a’s cas chairgneach, Bhannach, airgiodach, dhaor, ’S an àm an ceannach bho ’n mhargadh, Cha bhiodh tairgse dhiubh saor. Thigeadh féileadh sàr-bhreachdain Ort am pleatadh gu dlù, Boineid ghorm ann san fhasan, Air chul-bachlach nan lùb, ’S osain ghearr an deagh-chadaidh, ’S paidhir ghartan bho ’n bhùth, Air do chalpanan gasda, Shiubhladh glachdan a’s cuirnn. [TD 129] Sàr bhiatach an rathaid Air an tadhaicheadh sluagh, Gheibhte sonas a d’ lamhaibh, ’S gach aon latha toirt uait’; ’N uair a shuidheadh tu d’ chathair, A ghnuis bu fhlathala snuadh, Gheibhte sùgradh a’s aidhear, An cuirt do thighe gun ghruaim. Sàr bhiatach na dìbhe An àm suidhe ’s tigh-òsd’, Ort bu shuarach am botull, A bhi ga chosd air a’ bhord; Cha ’n fhoghnadh a’ seipean, Leat bu bheag e ri òl, Ach na tunnachan lionta Air an diòladh tu an t-òr. Teanga mhacanta chinnteach, Bu bhlasd’ dh’innseadh gach sgeòil, Do dheud shnaighte mar ibhri’, ’S a bheul bu shìobhalta gloir; Suil ghorm bu ghlan lionadh, Mar dhriuchd ’sa mhin mhaduinn cheo; ’S an fhuil mhoralachd, phriseil, Na d’ ghruaidh air sioghladh mar ros. Fhir a chuirp a b’ fhearr cuma’, Bho chrun do mhullaich gu d’ bhonn, Pearsa ghasda dheas dhireach, Dh’ fhas gu mìleanta, trom, ’N àm an creachunn a dhireadh, Fhir a b’ inntinneach fonn, Co bhuidhneadh geall stri ort, A’ siubhal frith na ’n damh-donn. [TD 130] Co sealgair thug bàr ort, Am bun, no ’m braigh na’n gleann, Eadar crioch Arraghaidheal, Agus Baideanach thall? B’e do roghuinn a’s t-ailgheas Bhi ’siubhal fasaich a’s bheann, ’S ann an deoighidh do laimhe, Gheibhte ’n cnaimh nach biodh gann. Nuair a sgaoileadh tu ’n fhaoghaid ’S a mhaduinn fhoghair ri dealt, Bhiodh do mhiol-choin ’g an taghadh Gu d’ mhiann ’s do roighinn thoirt leat: Nuair a leagadh tu ’n lan-damh, Am fasach na ’n glachd, Bhiodh a scornan ’g a riosladh Ann am bial do choin ghlais. ’S tric a laidh thu air t-uilinn, A’ monadh Dhrumainn ’s an fhraoch, Cuilein seang aig do chasaibh, ’S do chuilbheir snaighte ri d’ thaobh, Aig gabhail beachd air an adhar, Ciod e bu rathad do ’n ghaoith’, Ag iarraidh fàth air na damhaibh, ’S do shuil ’san amharc gu caol. Bu tu namhaidh a’ choilich Is moch a ghoireadh ’s a chraoidh, Agus giomanach, eala, ’S an Fhaoileach earraich ri gaoith’; Nuair a thairneadh tu ’n acfhuinn Bhiodh luaidhe Shas’nach na taobh, ’S i gun chomas, gun astar, Gu dol dhachaidh thair caol. [TD 131] ’S ann na laidhe ’m Muccomair, Tha ’n laoch bu shomalta dreach, Dh’ fhas gu h-aillidh deas foinnidh, ’S an t-saoidh bha soilleir na bheachd; Fhir a sheasadh am pairt, Nam biodh do chairdean an glais, ’S bu tu ’n curaidh neo-sgathach, Gu ’n toirt sabhailte mach. Ceisd nam ban bho ’n tir Abraich, Bho Dhoch-an-asaich an fheoir, Bho Leitir Fhionlaidh na ’m badan, Far a stadadh na sloigh, Bho Lòdhchaidh na’m bradan, ’S bho Loch-airceig na’m bo, Làn-ghaisgeach chloinn-Chamshroin, An laoch da ’m b’ ainm Domhnull òg. Cumha do dh’ Eoghan Mac Lachuinn, a dh’eug ann an Obar-readhain, agus ghiulaineadh a’ chorp dhachaidh, do ’n Chill an Aird-ghabhar. AIR FONN—“A’ nochd gur faon mo chadal dhomh” THA m’ inntinn uam air seacharan, Bho sheachdain gus an de, ’S chaidh goirteas ann am chridh-sa, Nach d’ thoir lighich as no leigh; A’s mar a’ faigh mi comhfhurtachd, Gur neo-shunntach mo ghleus: ’S e bàs an Eoghain Lachlunaich, A dhuin ’sa ghlais mo bheul. [TD 132] ’S i choinneamh so dhuisg achdain dhomh, Bhi tachairt ris an t-sluagh, ’S a dh’ fhuasgail deoir chloinn Lachuinn, ’S iad mar shileadh fhras le ’n gruaidh, Do chorp ga ghiulan dachaidh dhoibh, Bho mhachair an taobh-tuath, Air charbad nan each aigionnach, A shiubhlas bras air chuairt. Air teachd do Mhac-ic-Alastair, Ré seal ’s dhreach fo ghruaim, Ri linn dha tighinn am folluis, Cha robh choinneamh ud ach fuar, A’ cuimhneachadh do chleachduinneas, ’S gach eachdraidh fhuair e uait’, ’S gur cuis nach faoidhte sheachnadh e, Bhi ’g imeachd leat gu t-uaigh. ’S cha ’n ioghnadh iad dhi gearanach, ’S a sgarradh sin a fhuair, Do chairdean uile dhealaich riut, ’S do pheathraichean dheth truagh, Gu cianail, piantail, pramhanach, Gun neart, gun agh, gun tuar, ’S gur goirt a chraidh an t-earrach iad, Bhur dealachadh cho luath. ’S mor iarguinn chlann nan Gaidheal ort, An duthaich ard nam beann, ’S bu lion’or iad an cairdeas dhuit, Am bun ’s am braighe ghleann: Bu charrantach do phairtse riu’ Le t-uile ghradh gun fheall, ’S gur tu nach fuilgeadh tair thoirt dhoibh, A dh’ aindeoin ardan Ghall. [TD 133] Gur h-ioma bain-tighearn’ urramach Bha ’roisg aig sruthadh dheur, A’s maighdean òg ag iomadan, Bochd muladach gun fheum; Ard-uaislean mor, a’s cumannta, Lan duilichinn a d’ dheigh, Fo d’ chumha, trom ’g an sarachadh, Bho ’n dhruid am bàs do dheud. Gur lionmhor oighre curamach, Mac Iarla, ’s Diuchd fo sprochd, Mu d’ leabhraichean bhi duinte, ’S an Oid-ionnsachaidh na thosd; ’S iad mar uain gun mhaithrichean, Feadh fhasluichean a’s shlochd, Ag caoidh ’s a bròn mu ’n armunn sin Rinn gath a bhàis a lot. Bu chliu do dh’ uaislibh Albuinn thu, Thoirt dearbhadh air gach sgeul, ’S bu Chaileadair air aimsir thu, Mar thigeadh garbh no reidh; ’S ann le d’ gheur-shuil dh’ aithneadh tu, Mu ’n eireadh stoirm na’ speur— Sàr chomhairlich neo-chearbach thu Do luchd fairge chruinne-che. Bu sgathan soilleir firinneach Do ’n rioghachds’ thu gu leir, Mar speuchdlair glan bu chinntiche, Na solus grinn bho ’n chéir; ’S do chridhe lasadh t-inntinn dhuit, Mar ghathan mìn bho ’n ghréin. Ag eiridh a’ maduinn shiobhalta, Gu h-oirdheirc direach reidh. [TD 134] Ge lion’or scoileir filleanta ’S ard Mhinisteir ’s a chleir, Le foghlum a fhuair fiosrachadh, ’S gach buaidhean glic da reir; Do thalantan-sa ghinneadh leat, ’S a chinnich ann a d’ chré, A dh’ fhuasgladh an cruaidh thìnneachan, Le t-inneal ’g an toirt reidh. Le d’ theangaidh bhlasda dheas-chainnteach ’G an teasraiginn gun bheud, Fhuaìr buaidh air uail an Fheudailtich, A chuir a cheist ort treun; Be bheachd ’s a dhùil le mhoralachd Gun treoraicheadh e fein, ’S ro ghrad a mheall a dhochas e, ’S chùl-shleamhnaich air a cheum. Gach rioghachd uile dh’imich e, ’S cainnt fhinnealta ’na bheul, Ag siubhal anns gach ionadaibh, ’S ge minic iad a leubh; Cha d’fhuair e na thug tilleadh air Le giorag, ach thu fein; Ach rinn an leomhan Abarach A chasg mar mhadadh breun. ’S gach cànain fhuair thu ’n t-urram innt’, Thair na chunna’ tu le buaidh, Fear eile cha robh an coimeas riut, Na b’ urrainn an toirt uait’; ’S an àlach so cha d’ rugadh e, Na chumhadh riut a suas, ’An Greugeis no ’n cainnt Eudailtich, Ri linn bhi deasbad cruaidh. [TD 135] Gach cainnt a bh’ aig na seanairean ’S an airde near ’s an niar, ’S a dh’fhag na h-Abstoil bheannuichte Gun mhearrachdan gun ghiomh; Bu chinnteach binn bho d’ theangaidh iad, Gu h-ealanta na’n rian, D’ an cuir gu suim na’n earrunnan Le d’ mheanaideachadh dian. Bho t-òige fhuair thu talantan, Gu nadurra ’s bu dual, Gna’ uirig’leadh do pharantaibh, Deas Ghaelic tric ’ga luaidh: Do bheulsa chrùn na bann-righinn i, ’S a dh’ àithne a cumail suas, ’S gach Fìlidh measg na Gaidhealtachd Bhi ’g ardachadh a’ fuaim. ’S bu righ oscionn gach Fìllidh thu, ’Measg Fhineachan gu leir, Do ghliocas bu mhor iongadas, Nach cuir luchd-sgil’ an geill; Cha chuala sinne romhad e, ’S cha d’ fhag thu so a d’ dheigh, Mac Gaidheil a fhuair tomhas riut, Cho domhainn ann an ceill. Mar dhorcha neoil na h-oidhche dhuinn, ’S ar coillearan gun fheum, Mar lanntairean gun soillseachadh, ’S dubh-dhroighnichean romh’r ceum, Bho na dh’fhag an diamond sinn, Le dhearladh boillsgeil fein, ’Chairt-iùil gun lùb, gun fhoill innte, ’S a chòm gun ghaoid, gun bhreug. [TD 136] Do scoileirean mar dhìlleachdain Trom inntinneach a’ d’ dheigh, Ag sealltuinn air do scriobhuinnean Mar dhìleab dhoibh gu ’m feum; Gu brath cha leig iad di-chuimhn’ ort, ’S air t-obair prìseil fein Thoirt soilleireachd do ’n rioghachd so, Bho linn gu linn a’ d’ deigh. Oran do Chomunn na ’m Fior Ghaidheal, a chruinnich ann an Ionmhar-Lòchaidh. GLACHD an t-shearag strachd a chuach sin, Fhir d’ a riachaid gluais gu muirnneach, Ge b’e fion e, lion a suas i, ’S greas gu luath mu ’n cuairt d’ ar n-ionnsuidh; ’S òlaidh sinn deoch slaint’ nan uailsean, ’Chionn ’s gu ’n gluais iad as gach dùthaich, Le seann fhasan mar bu dual-chuis, ’S gach aon bhuaidh gu buannachd cliu dhoibh. Fhuair sinn naidheachd as a ghàsaid, Leubh cach dhomh sid, ’s iad ’toirt cùnntais Air na h-àrmuinn ’chleachd mar àbhaist Siubhal fasaich, ’s ard na stuchd-bheann: Cuilbeirean snaight’ air an guaillean, ’Direadh na’m fuaran ri dùdlachd, Cuid d’ an ailghios anns an uair sin, Coin, a’s gillean, luaidhe ’s fùdar. [TD 137] Leinn is eibhinn a bhi ’g eisdeachd An deagh-sgeul tha tighinn as ùr oirnn, Gaidheil threuna dol ri cheile, ’S ro-mhath am feum an eiginn cùise; Nuair a ghluaiseas iad le cheile, Reachd’or, treubhach, éuchdach, sunntach, Cha ’n e cleachdadh luchd na beurla, ’Th’ aig an treud a theid ri ’n dùchas. Onoir urramach na’n Gaidheal, Ge d’ leig uailsean arda dhiu e, Bonn a’s bunaillte na Gaelic, ’S nàr dhuinn a bhi as a h-iunnais: Dilib a rinn Oisein fhagail Aig gach àl a ghabh dhi curam, ’S eibhinn leinn gu ’m bheil i lathair, Ge d’ is lion’or iad ga mùthadh. ’S e mo mhiann-sa ’n diugh ’sa màireach, ’S gu la bhrath cha chuir mi cùl ris, A bhi labhairt anns a’ chànain, Leis an d’ fhiach na Bàird an dùrachd; ’Bha ’g innseadh treunadais na ’n Gaidheal, Be fior àbhaist a bhi cliùiteach, Le cloidheanaibh geura stàilinn, ’Thoirt sgrios bàis air luchd an diùma. Labhairt dheas oscionn gach cànain, Mar a dean luchd-dhàn a mùchadh, ’Solasach a’ nochdadh graidh i, Le blaths gu cairdeas a dhùbladh; ’S cha bu mheasa i air an àraigh, Nuair a tharladh dhuinn ’bhi sùgradh, Chum na ribhinnean a thàladh, Air meud an ardain a dhuisgeadh. [TD 138] Buaidh a’s beannachd air a chomunn, Thug gu follais dhuin’ as ùr i, Uaislean foinnidh tigh’nn ’sa choinneamh, Lionmhor, somalt as gach duthaich, Le caismeachd nam feadan riobhach, ’S na’ meoir dhionach, chinnteach, luthar, Leis a seinnear ceol nam pioban, ’Chleachd ar sinnsreadh bho thùs dhuinn, Doirtidh uaislean deas a’s tuath oirnn, Thig air muir, thair chuan, s thair chaoiltean, Sliochd nam buadh, bu mhath ’sa chruadal, Luthar, luath, ’s an ruaig ’g a caol-ruith; Fior fhuil Ghaidhealach gun truailleadh, Air lasadh a suas na ’n aodainn, Air nach faicear greann an fhuachda, ’S air nach laidheadh gruaim an Fhaoilich. ’S àluinn co’thional na ’n comhlan, Gu Ionmhar Lòchaidh Lochabar, Ionad comhnart ’s le Diuchd Gordan, Air an do chuir Cloinn Domhnuill baiteal; Far na ghabh righ Fionghall comhnuidh, Le chuirt mhoralaich ’sa chaisteal. ’Chraobh bho ’n do fhriamhaich a seors’ ud, Luchd nam piob, ’s nan sròl, ’s nam bratach. Seasaidh leomhan air bhur toiseach, La cruadal coltais nach diobair, Da ’m bu dual-chuis dol air chosnadh Cruaidh, a’ bhrosnachadh na ’m miltean— Alastair bho Ghleann a bharraich, Ceannard uasal, fearail, rioghail, ’N àm na ’n cruaidh lann geur a tharruinn, Bhiodh nial fol’ air luchd do mhi-ruin. [TD 139] Sar cheann-feadhna, ’s greadhnach caithream, Bho ard Gharraidh na’ sruth lionmhor, Da ’m bu duchas coir air fearann An strom, Lochcarrann agus Ille; Ged do leig iad dhiu bho shean e, Bha iad ’n ceangal aig do shinnsreadh, Mu ’n do loisgeadh, ri linn Ailein, Eaglais dhaingean Chille-Chriosda. ’S leat an deas-laimh, ’s dhuit bu dleasnach, Gach car deiseal a dhol dhiotsa, Nuair a theid thu ann a’ d’ dheise, Cha chuis cleasachd a bhi stri riut; Osain ghearr, a’s feileadh preasach, ’S cruaidh lann sheasach, a chinn Illich, Eadar ruinn, a’s shlinn, a’s cheann bheairt, Bho d’ ghairdean earbsach nach doìbair. Coltas cuiri ’m blar nan cumasg, Sealgair urramach na’ frithe, ’Siubhal bheann, a’s ghleann, a’s munaidh, Giomanach gunna ’bheoil chinntich; Cha mheasa thu ’sa chuirt an Lunnuinn, ’S cha d’ thoir luchd na ’n currachd cis dhiot; ’S na ’n reachainn gu m’ dhichioll uile, B’ fhurast dhomh tuilleadh inns’ ort. Thig do bhain-tighearna ri d’ ghualuinn, Mar a chuala sinn, ’s gur fior e, Bandaidh, banail, dear-lann uaisle, ’S i cuir failt’ air sluagh gach tire; Mar aiteal nan ros a gruaidhean Caol-mala gun ghruaim, gun mhi-thlachd, Deud mar chailc a’m beul na stuaime, ’S gille tuar na snuadh nan disnean. [TD 140] Sid a chuis mu bheil mi tighinn, ’S tha dligheach dhomh ri innseadh, ’S na ’n tarluinn an tigh na dibhe, Dh’ oluinn a dithis no tri dhiu, Deoch-slainte na ’n Gaidheal gasda, Luchd nam breachdan daite riobhach, ’Chionn an onair ud ’bhi aca, ’S an cliu farsuinn anns gach rioghachd. C’ ait an cualas riabh ’g an aireamh, Comunn Gaidhealach co chinnteach Ann am fuil, am breth, ’s an arach, ’S iad gun sgaileachd air an inntinn, Ann an reachd, an dreach, ’s an aileachd, Nadurra ’s gach aite ’m bi iad, ’G iomairt chleas gu deas le abhachd, Gaolach, cairdeil, pairteach, dileas. ’N àm bhur sporrain fhialaidh fhosgladh, Oirbh bu shuarach togsaid fhiona, Ceir an coilleiribh ’g a losgadh, ’S danns air lobhtaichean le fidh’lidh, Surd air mire, a’s ceol gaire, Greis air thaileasg, ’s lamh air dhisnean; ’S binn bhi sugradh ’sa chuirt aluinn Leis am miannach gair nam pioban. Nuair a chruinnicheas iad uile, ’S solasach gach duine chi iad, Le ’m breachdain an fheileadh cuimir Gun chron cum’ orra ri innse; Air an cairdean a cuir furrain, ’S cha bhi curaidhnean fos ’n iosal, ’S laithean gairdeachas ’gan cumail, ’G òl na ’n tunnachan ’s ga ’n dioladh. [TD 141] ’S lionmhor deoch-slainte ’g an eigheachd, Mu bhuird na reithe le sio’chainnt, Ann an cuideachdaibh na feille, ’S iad uile mu cheile priseil, Tigh’nn air uirsgeulan na’m Feinne, ’N eachdraidh sin nach d’ theid air di-chuimhn’ Fo chomhair an sul ’ga leughadh, ’S dearbhar a’ sgeul ud le firinn. Ge mor comhsachadh nan Sasnuch, A’ cuir casbhachdaig air an fhirinn, Dh’ fhartlaich orra ’chuis a thachdadh, ’S nithear a mach i da ri-reamh: ’S comhdach cainnt, a’s briathran Oisein, Nuair bha Oscar na shineadh, Gu trom-chreuchdach air a lotadh, ’S athair ’g osnaich ’g a dhiobhail, Rannan Fheargais righ gach fillidh, Teanga ’b innealta chuir sios iad, Sgaoilte ’nis air feadh gach Cinnidh, ’S dearbhar aig gach Fine iad scriobhta, Treunadas mor nan laoch gun tioma, Nach iarradh tilleadh gu sio’chainnt, Nach do smuaintich riabh air giorrag Ri linn dol an iomairt strithe. ’S fagail sud aig cloinn na ’n Gaidheal, Na ’m fuil ardanaich a’ direadh, A cuimhneachadh air gniomh nan armunn, Leis am b’ fhearr am bàs na striochdadh, Fearg nan laoch ri aodunn gabhaidh, Nach faoidhte bhàthadh no shioghladh, Dian mar fathloisg fraoich nan ard-bheann, Ri gaoith Mhairt le cair gun diochdladh. [TD 142] Cha bi ’n luaidhe ghlas ’ga caitheamh, Chleachd na maitheamh ris an linn sin, Sgiath a’s clogaid, a’s geur chlaidheamh, ’S bogha-saighead ’g an cur dìreach: Fiùbhaigh sgaiteach a chinn stòraich, ’G an leigeadh bho ’m meòir gu cinnteach, ’S tric a dh’ fhag iad anns a’ chomh-stri Mairbhte, leointe, luchd a’ mi-ruin. Do ’n Chomunn cheudna. BHA mi ’n dé air na sràidean, Far na thraghadh na botail, Ann an coinneamh nan Gaidheal, ’S laoch gun sgath air an toiseach— Ceannard Garrannach uasal, Air ’m bu shuarach an cosdas, ’Sinn ag òl a dheoch-slainte Dear-làn as na copain. Faill illirinn o ho, Hug a’s horo eile, ’S gum bu slan do na gaisgich, Luchd nam breachdan an fheilidh.* * Ri bhi air aithris an deigh gach rann. [TD 143] Thug na Bàird dhuit an t-urram Thair gach duine, le dearbhadh; Mor chliu ann an Sasunn, Sgaoil e farsuinn an Albuinn, Ann an cumail gach fasain Bh’ aig sàr ghaisgich na’n Garbhchrioch, Bho linn Dhiarmaid a’s Oscair, Fhinn a’s Oisein, ged dh’fhalbh iad. Fhuair thu onoir an Lunnuinn, ’S leat urram Dhun-eidinn, ’N teaghlach rioghail gu h-uile, Bho ’n chum thu ri cheil iad; Morfhear Hùnduinn ’s Diùchd Abhal, Na mor mhathaibh nach treig thu; ’S àrd uaislean na rioghachd, Lan toil-inntinn bhi réidh riut. ’S leat am Moraire Sleibhteach, Leis an eireadh fir gheala, ’N àm tionail ri cheile, Cha ’n eisd Mac-mhic-Ailein; ’S cloinn Iein na ’n geur-lann, Reachadh gleusda ann sa charraid, ’S e scriob ghoirt thug an t-eug dhoibh, Dh’ fhag an treud ud cho tanna. Ceann-cinnidh nan Greumach, An Diùchd euchdach Montrose, Dha ’m bu dual a bhi treubhach, An uair a dh’ eireadh sibh comhla; An dream uasal gun eucoir, ’S iad nach geilleadh ’s a chòmh-stri, ’S iad cho dileas ri ’n leintean, Mar itean sgeith’ Chloinn Domhnuill. [TD 144] Thig fear aite Mhic-Choinnich, An t-uaisle soilleir neo-sgathach, Dha ’m bu dualchas bhi ’m Brathainn, ’Toirt lan aidhear da chairdean; B’ann d’a shuaicheantas taitneach, Ceann a’s cabair an lan-daimh, Nuair a thogadh e uaislean, ’S bratach uaireach Chinn t-Saile. Thig bho ’n Apuinn fir ùra, Bhiodh na Stiùbhartaich rioghail, Fiùrain ghasda nach diùltadh, ’Dhearbh air thùs a bhi dileas; Luchd na ’m boinaidean dù-ghorm, Dha ’m bheil dùrachd ro-chinnteach, ’Sheasadh onoir an dùthcha, ’S cha do mhùth iad an inntinn. ’S linn Seanalair Aillein, Da ’n robh ’n t-Earrachd mar Stoille, Mor Chamshronach fearail, Choisinn beannachd gach saighdear; Ge d’ is fad as a thir e, Cha do dhibir a chaoimhneas, Leis bu mhiann a bhi rioghail, ’S a lamh scriobhaidh gun fhoill duinn. Cha bu tais an lamh-fheòma, Sir Eoghan bho ’n Fhasadh, Aig am biodh a chùirt ghreadhnach, ’Bhuineadh geall na’n each marcachd; Gheibht’ a d’ thalla mòr priosail, Far ’m bu riobhach gach fasan, Cùirn a’s cupaichean fiona, ’S òr ’ga dhioladh gun airceas. [TD 145] Coirneal Alastair Camshron, Cha ’n ’eil ainm oirnn an di-chuimhn, ’S mor a dhaimh ri Cloinn Domhnuil, ’S b’ aithne dhomhsa sid innse; ’S an fhuil uaibhreach gun fhòtus, A suas na phoraibh a direadh, Siol na’n uaislean bho ’n Innein, ’S odha fir Bhaille Scriedin. ’S ann d’ ar coimhearsnaich àraid, Mac-ic-Mhartuinn na Leitreach, Aig am biodh na fir àluinn, A dheanamh làrach a sheasamh; A ghleidheadh onoir nan Gaidheal, ’S a reachadh dàna na ’n leithsgeul, Ri linn cruadail a’s gàbhaidh, Gum bu laidir an treis iad. ’N cinneadh Frisealach treubhach, Gun éislein, gun fhàrdal, ’Tigh’nn an guaillean a cheile, ’Cur an géill a bhi càirdeil— Luchd a bhualadh nan speicean, Le ’n cruaidh gheur lannaibh Spainteach, ’S tric a dhearbh iad an treundas, Nuair a dh’ eireadh na Gaidheil. ’S dearbhta Tighearna Shrudhain A tighinn gu cuirt nam fear fallain, Leis a chòmhlan nach diùltadh, Bho Ghiùbhsaich nan gallan; ’S e gun mhearachd gun lubadh, ’S cach ga chunntas mar charaid, Do ’n Triath Gharannach chliuiteach, Ann an dubladh am fala. [TD 146] ’S tric a litrichean duinte Tigh’nn bho Dhiùchd Arraghaidheal, A dhios a Chomunn le durachd, Mar bu dual da bho ’nàdur; ’S Mac-Aoidh le deagh rùn, A tigh’nn bho dhuthaich na’n ard bheann, Aig am biodh an sluagh dumhail, Bu mhor cunntas ri ’n àireamh. Marcach deas nan each uaibhreach, Morair uasal Bhraid-Albunn, ’S MacGhriogair a Rùadh-Shruth, ’Gam biodh sùicheantas ball-bhreachd: Siol nan Ailpeanach dileas, A bha na’n Righrean air Albuinn— Fior Ghaidheil cho cinnteach, ’S iad nach mill, sinn ’nar ’n earbsa. Thig na Granntaich gun iomaral, ’S mòr iomraiteach càirdeas, ’S Mac-ic-Pharuic bho ’n Inbhear, ’S Cloinn Ionmhuinn mar bhraithrean; Na fir ghasda b’fhearr cuimse, ’Sheasadh iorghaillean namhaid, ’S mairg a reachadh ga’m bualadh, Bho ’n uair a ghluaiseadh an ardan. Thig na Rosaich bho thuath oirnn, An cinneadh cruadalach duinneal, Nach biodh tais anns an tuasaid, A dhol a bhualadh na’m buillean; ’S iad gu seasadh ri fuathas, Nuair bu chruaidhe bhiodh cunnart. A’ cur an latha ’s na ruaige, Fearail, fuasgailte, fuileach. [TD 147] Cha bu mhearachd ’s a chòmhail, Mac-an-tòisich Shrath-eirinn, ’G am biodh pìob agus bratach, ’S laoich ghasda gu eiridh; Nuair a thogadh iad Cat Ri crann snaighte ’n àm feuma, ’S mairg namhaid bhiodh dlù dhoibh, ’N uair a ruisgeadh e dheudach. Gur h-àluinn an sealladh ’Bhi cuir a Chomuinn ri cheile, Dol gu ionad na coinneamh, A’ tigh’nn am foluis le ’n eideadh; ’S iad gu biodagach targaideach, Armailteach, euchdach, Còtach, tartanach, bal-bhreachd, Orach, airgiodach, éibhinn, ’S binn air thoiseach na cùirte, Fuaim bhur ciùil bhi ’ga eisdeachd, A’ cur luchd ealaidh gu ’n dùlan, ’S pìoban siùbhlach ’gan gleusadh; Toirm nan dos leis na sionnsair ’Gan toirt dlu air a cheile, Bualadh clis na meoir luthar, A chuireadh sunnt fo na treun-fhir. Faodar an t-òran so a sheinn leis an Luinneag so a leanas:— Irin, à-rin, o ro, bha hi, Irin, à-rin, o-ro, bha ho, Biodh gach duin’ agaibh bronach Airson foirneart ar Righ. [TD 148] Gearan na mnatha an aghaidh a’ fir, agus iad a freagairt a cheile. AIR FONN—“’S mulladach mi fhin ’s mo Dhomhnull.” ’Bhean a’ labhairt, Is ciamar dh’ fhaodas mi bhi beo, ’S an duine breoite, truagh agam? Tha esan sean, agus mis’ og, ’S ann aig’ tha ’n corr mar chuala mi: Ge do laidheas mi ’ga choir, Tha bhial ’sa shroin air fuarachadh, ’S gur mor a chulaidh ghrain a phog, Le fhiasaig mhoir ’g a suathadh rium. Fear— O! bhean, cha ’n ’eil do labhairt ceart, Bha neart annam ’n uair fhuair thu mi: Dheanainn mire, muirnn, is macnus, A’s ghleachdainn ris na gruagaichibh: Sean fhocal a dh’ fhaodar innse, Sgeula fior a chualas e; Cha lean an sionnach air a shior-ruith, ’S bithidh e sgith dheth uair-eiginn. Bhean— ’S dona ghreis a mhair thu dhomhsa, A’s cha b’e ’m posadh buadhail e; Dh’fhalbh do mhisneach, ’s dh’fhas thu d’dheoiridh, ’Nuair bu choir dhuit cruadhachadh: Ged bhiodh tu da-fhichead ’s corr, Cha b’ aois ro mhor an tuairmeachd sin; ’S gur lionmhor fear nach ’eil cho òg riut, Chuireas pòr mar thuathanach. [TD 149] Fear— Dheanainn cliathadh, ’s chuirinn crann, Na’ faighinn earlaid luathaireach, Agus cuideachadh ri bantraich, ’S gheibhinn taing, a’s tuarasdal; Ge do chaidh mi nis a prìs, Bho ’n tha mi tinn air uaireanan; Gu ’n robh mi roimhe ’m sgalaig ghrinn, ’S bu mhor ’ga d’ dhi na fhuair thu dhiom. Bhean— ’S a h-uile càs an robh thu riabh, Bha teang’ a d’ bhial a dh’ fhuasgladh ort: Na’n creideadh gach neach do sgeula, Dheanadh tu na cruachan domh: Ach caite faca sinn do ghniomh, Nam fiachta ris an ruamhar thu? ’S gu ’n robh do dhruim ’s do lamh cho diomhainn, Sid an gniomh a fhuair mi dhiot. Fear— ’S O! bhean, nach labhair thu gu foil, Cha ’n ’eil do chomhradh buannachdach: ’S ma thionndas tu rium a choir, Bheir mise ’n corr nach d’ fhuair thu dhuit; Glachdaidh mi suiste ’ann am dhornn, ’S air urlair comhnard buailidh mi, Bho airde sparra nuas gu lar, ’S cha ’n fhag mi grainn air sguaib agad. Bhean— ’S na ’n togadh tu ort a chroit sin, Choisneadh tu do dhuais orm: Cha chluinnte gu brath mis’ ’g osnaich, A’s nochdainnse mo shuairceas dhuit: Chuirinn an t-ìm ann a d’ bhrochan, A’s chumainn deoch an uachdar riut; ’S chaidleamaid gu samhach sochdair, ’S cha bhiodh sprochd no gruaim orm riut. [TD 150] Fear— Shaoil mi bhean gu ’n robh thu bannta, A’s nach biodh sannt’ gu tuasaid ort: Ge do fhasainnse cho fann, ’S nach tionnda inn air do chluasaig riut; Air lium fein nach eil thu ’n call, ’S do chlann a chuir ri d’ ghuaillibh dhuit; ’S ma dh’ fhas thu guinideach le d’ cheann, Gur bean tha ’n geall air buaireadh thu. Bhean— ’S ann agam-sa bha ’n cionfath, Nuair chithinn cach a’ cluaineas riut; Chaidh a’ chuis bho fhaladha, A’s cha robh sta bhi d’ bhuachailleachd; Ge do ’s mis’ a ghlachd do lamh, Bha te no dha nach b’ fhuathach leat: ’S ma chosd thu riutha do lionn-tath, Tha nis’ am failt air fuarachadh. Fear— Dh’ aithnich thusa sin ort fein, A bheudag dh’ fhas thu suarrach orm: Chaill thu nise dhiom do speis, ’S cha ’n ’eil do reite buan agam: Bho ’n a chaidh mise nis’ bho fheum, ’S e ’n t-eud a rinn do bhualadhsa: ’S gur moch ’sa mhadainn chuir thu’ n ceill domh, Nach robh m’ eiridh suas agam. Bhean— Is fhir gun stà, gun rath, gun direadh, Na bi ’g innse tuaileas orm: Nam bidh tusa dhomhsa dileas, Cha robh m’ inntinn bruaidleanach: Ach ’s e bu mhiann leat a bhi briodal, Ris gach ribhinn chuaileinich: ’S gur ioma ribeinean a’s cìdhrean, A’s deise chinn a fhuair iad uait’. [TD 151] Fear— Is caite ’n d’ fhuair thu mi ’sa sgàth, Nam faca tu ’g an tuairgneadh mi, Cha robh mi m’ mheirleach co math, ’S nach glachdadh tu mi uair-eiginn: ’S ma fhuair thu taisgeuladh no brath, ’S e ’s fhasa chuir a suas orm, ’S na càraich air a mhuin do chas, Ach leig a mach na chualadh tu. Bhean— ’S ma chuireas tu mi gu m’ dhubhlan, Bithidh a chuis na ’s cruaidhe dhuit: Gheibh a’ ministeir an t-umhladh, A’s theid an luireach shuaicheant ort; Linnseach, mhaslach air a dubladh, Leis gach dunadh tuaisgearra: ’S ge do bhithinns’ air do chulthaobh, Air son cruin cha an fhuasglainn i. Fear— A’s gus an càirear mi ’s an ùir, Cha ’n fhaic do shuil mu m’ ghuaillean i, ’S ma thig do naidheachd os cionn buird, Cha chliu dhuit bhi ’g a stuathadh rium; A’s ge do lasadh t-fhearg le diumb, Co ghrad ri fudar buaireasach, Cha chomhdaichear leat ormsa chuis, Nach d’ iunnsaich mi le h-uaibhreachas. Bhean— ’S cha mhor nach coma lium co dhiu, Cha robh do thurn ach suarrach lium: ’S an tìom a b’ fhearr a bha do shugradh, ’Chunntainnse na h-uaireanan; Chaidleadh tu cho trom gun dusgadh, Air mo chul le d’ smuaisirein: ’S ge do bhiodh mo thigh ’ga rusgadh, Cha robh curam gluasaid ort. [TD 152] Fear— ’S bheirinn comhairle gu h-eolach, Air gill’ og tha fuasgailteach; E bhi glic ri àm a phosaidh, ’S laidhe seolta suas rithe: ’S gun droch cleachdadh thoirt ’g a dheoin, Do ghoraig nach biodh stuaim innte, ’S gun fhios na’n lagaicheadh a threoir, Nach ordaicheadh i uaithe e. Bhean— Am fear nach dean a threobhadh trath, ’S a mhart ge d’ bhiodh e fuar aige, ’S culaidh mhagaidh e chion stà, ’S ri latha blath cha bhuain e dias: Bithidh am fearann aige fas, Na stiallan bana, ’s luachair orra, A’s esan broinein a’ dol bas, ’S na saibhlean lan aig tuathanaich. Fear— ’S cha ’n fheud mo threobhadhsa bhi mall, ’S do chall ri dheanadh suas agam; Bheir mi oigeich as a ghleann, ’S theid cuing gu teann mu ’n guailleansa: A’ Dun-eidinn gheibh mi crann, ’S e fasan gallta ’s uaisle leinn; Coltar, stalainn, sochd, a’s bann, ’S gach ball bhitheas ann theid cruaidh orra. Bhean— Bi co math a’s do ghealladh dhomhsa, ’S cordaidh sinn gun duathalas: Bho ’n tha sinn co fada comhla, ’S am posadh mar chruaidh-shnuim oirnn; ’S mor gur fearr lium an t-olc eolach, Na fogarach luasganach; A’s cuiridh sinn ar treis an ordugh, A’s mar a ’s coir dhuinn gluaisidh sinn. [TD 153] Fear— Is thuirt an sean-fhear, ’s cha b’i bhriag, Ge d’ eireadh sian na ’n cuartagan, Nach robh soirbheas laidir dian, Gun fhiath bhi goirid uaithe sin: ’S an cogadh bu chruaidh bh’ ann riabh, Chaidh crioch le rian air uair-eiginn; ’S cuir thusa, bhean, ri d’ theangaidh srian, ’S bithidh sìth ’ga deanamh suas againn. Cumha do dh’ IEIN CAM’RON, Fear Chall’ort. AIR FONN—“Iein-ic-Aonghais oig.” ’S MI ’m shuidh’ air mullach a mhàim, Mar dhuine fann ann an ceò, Tha ’n saoghal a nunn ’s a nall, ’S leir dhomh nach ’eil ann ach sgleò. Ge moch a dh’ eireas a ghrian, Air Callort sgiamhach an fheòir, Chaochail gach cuis a bh’ ann riabh, ’S cha mhor ’ga iarmad tha beò. Dh’ atharaich gach ni a bh’ ann, Mar ghaineamh romh mheall nan tonn, Dh’ eirich càitean, gart, a’s greann, ’S nial a gheamhraidh air an fhonn. Mar gu ’n tionndaidh as-caoin chlach, ’S an taobh sgaiteach fo ’s an cionn, Dh’ fhalbh gach uaisle, buaidh, a’s dreach, ’S fuar a bhi ’dol seach na cùirnn. [TD 154] Dh’ fhag sid do dhilsean fo phràmh, Fhir a chàraich iad fo ’n fhod; ’S gun t-oighre bhi t-ionad slan, Mu ’n do shealbhaich cach do choir. A d’ bhaile greadhnach gun chàs, Fhuair mi greis da m’ àrach òg; ’S mulladach an diugh e fàs; Gun arr, gun aiteach, gun cheol. ’S cha b’ ionnan sid ’s mar a bha, Gus na sgar am bàs Iein òg; Gheibhte furan ’s glachdadh lamh, ’S gloineachan lana ’gan òl. An talla greadhnach nam pìos, Far am faighte fion a’s beoir, Farum theud a’s gleusadh phìob’, ’N àm bhi suidhe sios mu d’ bhord. ’S an tigh mhor am biodh a chùirt, Gairdeachas ri rusgadh ceoil, ’S mulladach fhaicinn gun surd, ’S e dùinte, gun smuid, gun cheò. ’S an ionad an robh do shràid, Fo chùirtean arda nan craobh, Chumadh dion ri sian nam bàrc, ’S nochdta dh’ fhàs i ris a’ ghaoith. ’S a d’ ghàradh a’ mios a’ Mhàigh, An robh gach craobh a b’ àili’ sgiamh; Dh’ fhalbh an sgeadach, ’s thuit am blath, Sios gu làr bho bharr na miar. Chrion na friamhaichean ’s a ghrunnd, ’S gun ùr-fhàs a’ tigh’nn bho bonn; [TD 155] Gun mheas, gun fhaillean, gun sùgh, Gun duilleach, ach ruisgte lòm. ’S na geugan bu shùgh’or càil, Le ’n ùbhlan blàth ’s gach crachd-mheur crom, Gun bhrigh, gun toradh, gun stà, ’S ge d’ thig am blath’s cha ’n fhas iad trom. Bho ’n chaidh tu dh’ eaglais nan stuagh, ’S an eilein uaine nach traigh, Dh’ fhag sid do dhìlsean fo ghruaim, Do luchd-muinntir ’s cruaidh an càs. Mar uan gun mhathair air treud, ’S am buachaille gleut’ air chall, A faicinn do làraich a d’ dheigh, ’S nach eisd thu ri ’n gearan fann. A’s co chumas gach cuis reidh, Mar bu mhiann leat fein ’s tu beo, A’s gun do mhac ri suidh’ d’ dheigh, A shuidhicheas feisd’ no mòd. Cridhe gun airc, pailt do stuaim, Aigne, nach robh cruaidh mu ’n stòr; Cha do thaisg thu riabh e suas, Chostadh leat air chuairt an còrr. Aig meud na h-uaisle bha d’ bheachd, ’S i fuaighte ri d’ chneas le còir, Bha do shuairceas aig gach neach, Bochd a’s beartach, sean a’s òg. Gnùis na nàire b’ àilidh dreach, Deud mar chailc, a’s gruaidh mar ròs; Bu ghuirme do shùil na ’n dearc, A’s bha do chneas mar shneachd air lòin. [TD 156] ’S bu lion’or curaidh gun fheall, Reachadh leat gu teann ’s an tòir, ’S a sheasadh ri rùsgadh lann, Mu ’m biodh fear Challoirt fo leòin. Cam’ronaich do chinneadh fein, Dhearbhadh treundas ri h-uchd gleòis, Buidheann chalma nan arm geur, Dh’ fhagadh fo chreuchdan luchd chleoch[?] Stiubhartaich, cinneadh an Righ, Nam bratach, nam pìob, ’s nan srol, ’S cha b’ ann do dheireadh a’ sìl, A’s bhuineadh tu chùl cinn am pòir. Bu chairdeach thu dh’ Eachunn nan cath, A’s do ’n treun-ghaisgeach, Lachunn òg, Na laoich mheamnach nach robh tais, ’S nach bu leanbail glachdadh dhorn. Uaisle cha robh ort air chall, Bha do chairdeas ri siol Leòid; ’S a reir eachdraidh nam bàrd, ’S iomadh fuil arda bha d’ shròin. [TD 157] Cumha do dh’ Aonghas Og Acha-triachadain; a chaochail an Dun-eidean, ’s a thiolaiceadh ann san ionnad sin, agus a thogadh a rithist, ’s a thugadh dhachaidh gu uaigh dhleasanach fein. AIR FONN— “Mur a mise do cheilidh, ’S truagh nach robh mi ’s an Eipheid air chall.” SPEALG mo chridh’ as a cheile, ’S cha leaghais mo chreuchdan ri m’ bheo; Tha gach neach air mo threigsinn, Nach faiceadh mi m’ eiginn ’g an deòin: Co a nise ni reiteach, Ge do dh’ fhiachte dhomh eucoir air mòd? ’S mi mar Oisein na Feinne, Nuair dh’ fhagadh leis fein e gun treòir. Cha robh ’nolluig dhomh éibhinn, Mo chridhe cha d’ eirich le ceol; S goirt am buill’ thug an t-eug dhomh, Chuir crith agus deurach ’na m’ fheoil: Thu bhi d’ laidhe ’n Dun-eidean, Fhir a chumadh an fheisd mar bu choir; Mo sgeul’ craiteach ri ’leughadh, Bhi ’ga d’ chàradh an ciste fo ’n fhod. Is ach fhir Bhaile-sgriodain, Dhuisg thu achdain do dhìlsean gu deoir; Dhà bhliadhna na tìom so, ’S daor a phaigh iad a chìs ’s cha b’e ’n t-òr: Bho ’n chaidh t-athair ’sa chìll, An ciste chumhainn, chaoil dhionaich nam bord, Cha robh chùis ud air di-chuimhn’, Gus am fac iad ’gan dith Aonghas òg. [TD 158] ’S ma ’s a fior a’ sean-fhocal, A ’chneadh a ’s ùire ’s i ’s goirte le cradh, Fhuair do pheathraichean dochunn, ’S cha chaideil iad sochdair a ghnath: ’S truagh gaoir do bhan bochda, ’S iad a’ caoineadh, ’s a ’g osnaich gach tràth! Càit’ am faic iad do choltas, ’S nach suidh’ thu air cnoc a’ measg chaich? ’S e do chuir fodh ùir aineoil, A dh’ fhag do mhuinntir ’g an sgaradh le bròn; ’S ge nach druidh sid air t-anam, ’S goirt a ’chuis leis gach caraid ’tha beo: ’S do chorp ùr a bhi ’s talamh, Far nach dùchasach gaineamh do t-fheoil; ’S e do ghiullan bu mhath leinn, Dh’fhios na dùcha ’n robh t-fhearann ’s do choir. ’S gu ma slan do na gaisgich A dh’ imich an t-astar air chuairt, ’Dol a dh’ ùrachadh fasain, Rinn do thionndadh air t-ais as an uaigh; Le deagh rùn do thoirt dhachaidh, Chaidh an ionnsuidh a mach mar bu dual; ’S a dh’aindeoin dù-ghaill na machrach, Bha ar n-ionntraichinn aca di-luain. ’S chruinnich uaislean do chinnidh, Cloinn Iein bho Innein nam beann, ’S ge do fhuair iad thu ’n lath’ ud, Bha sluagh air bheag aidheir ’sa ghleann; ’S cha ’n fhaoidte do dhusgadh, Bha do bheul air a dhùnadh gun chainnt; Bhi cuir tharad na h-ùrach, Dh’ fhag sid snithe le ’n suilibh ’s an àm. [TD 159] ’S lionmhor iad a bha deurach, Mar gu ’n druitheadh beum-sleibhe nan àllt’, ’S ge d’ nach dean e bonn feuma, Cha ’n ’eil mo chuid fein dheth air chall; Ge b’e chreideadh mo sgeula, ’S ann agam ’tha ’n reusan nach gann, A bhi ’g àireamh do bheusan— O! chridhe na feile gun fheall. Beul na h-abhachd gun tuisleadh, Cha robh ardan an cuislean do chinn; Nuair a tharladh tu ’n cuideachd, B’ aobhar ghàire dhoibh t-uirigleadh binn: Cridhe cairdeil gun duslach, Dh’fhoghnadh àileachd do chruth do mhac Righ— Gruaidh ’sa blàth mar an t-ubhal, Mar ròs an gàradh fo shiubhal nan sian. Nuair a bhiodh tu aig baile, Gheibhte manran an talla nam pios, A ’s tigh bhàn a b’ ard caithream, Far an tràighte na gallan do ’n fhion; Ann an gairdeachas tairis, Bha do ghradh aig gach caraid le sith; ’S bho ’n chaidh sgàil air do shealladh, ’S leir a bhlà orra cheana bhi d’ dhith. Tha ’n sean-fhocal ag radhainn— Ma thig clach as a’ phàirce, gur dual Gun tuit bruchd dh’i le fàilinn, ’S bithidh sid duilich a chàradh a suas: Nuair theid ’steadh as a làraich, Faodaidh feudail tigh’nn dana mu ’n cuairt, A ni eucoir air fasach, ’S gun fhear-gleuta ’gan graineachadh uainn. [TD 160] ’S mise dh’ fhaodadh a radhainn, Gur comh ionann do dh’ alach nam buadh: Cha ’n ’eil feum bhi ’g an aireamh, ’N diugh is an-fhann ’ur caileachd ’san uaigh; An t-ochdnar mac agus bhraithrean, Rinn saighdean a’ bhàis an toirt uainn; Is b’ fhearr gu ’n d’ thigeadh tu Adhamh, Ma ’s ann dhuitse tha ’n dàn a bhi buan. ’S cian ’s gur fad thu thair sàile, Dh’ fhag sid t-fhearran gun aiteach ri luath’s, ’S gun aon duine air an làraich A sheasadh ar pairt mar bu dual; Fhrois ùbhlan a’ ghàraidh, Thuit am flùir le run ghras-mhor a nuas, Ach bithidh suil ri bial traghad, A’s cha d’ thig cunntas air cach gu la-luain. Oran do Mhac-ic-Alastair, air dha bheannachd a thoirt do ’n Ughadair. ’S O! bhean nach leasaich thu ’n stòp, ’S càraich gloin’ ann a m’ dhòrn, Las a’ choinneal air bòrd, ’Chum ’s gu ’n goirinn le ceol, So an deoch a theid òl Air an Alastair òg, Gleanna-garradh nan sròl; ’S ge do chostadh i ’n t-òr phaighinn i. ’S O! bhean, &c. [TD 161] ’S O! theang’ inntrig gun stad, Ma tha mìlsean a d’ sgairt; Seinn an fhirinn le blas, Ruith na fiachan a mach, Leig thu chìs thair mo staid: Tilg sios dhiot a’ ghlas, ’S theid do dhioladh gu grad; Gheibh thu t iotadh a chasg’, Le mor ioc-shlaint’ nach tais ’thoirt càileachd dhuit. ’S O! theang’, &c. ’S i so slaint’ an fhir fheil’, Ris na dhealaich mi ’n dé; Marcach sunntach nan steud, Nan each cruitheach na ’n leum, Leis am buidhneadh tu réis; Cha bu chùbair air féill Ceann-uidhe na ’n ceud, A lean mar dhùchas am beus Gaidhealach. ’S i so slaint’, &c. ’S thoir an t-shoraidh so uam Do Ghleanna-garradh mu thuath— Gu lan ghaisgeach nam buadh, Cluas chlaisteachd nan duan, ’Ga d’ ionnsuidh ruiginn air chuairt: ’S a nuair a dh’ imichinn uait, ’S tu dhioladh mo dhuais, A’s cha bu chunntas le cruas gàbhaidh e. ’S thoir an t-shòraidh, &c. Thoir mo shoraidh a sios Gu caisteal nam piob, Na’n ceol caithriseach binn, An cluinnte caithream nam pìos; [TD 162] ’G an lion-stalladh le fion, Aig laoch òg nan srol grinn: Nach sòradh a dhiol, ’N àm sòlais ri linn gairdeachas. Thoir mo shoraidh, &c. Nuair a shuidheas tu suas, ’G a chaitheamh mu ’n cuairt, ’S do chaol mhala gun ghruaim, ’S dearg, daite, do ghruaidh; Is ’s maisiche snuadh, Teang’ a ’s macanta fuaim; Nach d’ toir blais-bheum do ’n tuath, Deud chailce, ’s cha ’n fhuar fàilte uat. Nuair a shuidheas, &c. Tha do shuil mar an dearc, ’S guirme ’n grunnd i na ’n dealt, Ann an gnùis is aird’ beachd, ’S a bheil iùil agus reachd, Lan iunnsachaidh ceart; Tha gach cliu ort mu seach, Fear do ghiùlain ’s do dhreach, Anns gach c is tha e tearc; Ge d’ dhùisgeadh iad feachd na Gaidhealtachd. Tha do shuil, &c. An leomhann misneachail garg, A’ teaghlach miosail nan arm; An curaidh cneas-gheal gun chealg, Is àilidh slios agus dealbh: ’S mairg a dh’ fhiosraicheadh t-fhearg, Na spionadh rib as do chalg. [TD 163] ’S leat an dualchais a’ falbh Bho ’n fhear a bhuail an lamh dhearg, Lean an cruadal gu dearbh mar fhagail riut. An leomhann, &c. ’S miann leat faoghaid gun chearb, Gleadhraich adharc, a’s arm, ’S toirm do ghaothar a’ falbh, ’S i do roghainn an t-sealg, Ann a’ frith nan damh dearg, ’S miol-choin innealta, gharg, ’S gruamach, colgarra fearg, ’G an dian leigadh ri ’n calg, thoirt abhachd dhuit. ’S miann leat, &c. Leat is taitneach fo d’ sgeith Gunna glaic air dheagh ghleus, Ann a’ fireach, ’s am beinn, Dol a shireadh an fheidh, Coin a’s gillean a d’ dheigh: Buidheann ur nan lann geur, Leis an ruisgte na bèin, ’N àm dubhradh do ’n ghrein nadurra. Leat is taitneach, &c. ’S e sid t-aidhear ’s do mhiann, Moch air mhadainn a’ triall; Ann an glasadh nan nial, A’ dur-bheachdachadh giar, An gaoth an ear i no ’n iar, ’Siubhal fasach nam fiadh, Gheibhte fuil air an fhiar, Ann a’ feasgair nan cian, [TD 164] Fir ’g an carnadh air sliabh, Luchd nam falluingean, riabhach, crachd-cheannach. ’S e sid t-aidhear, &c. ’S ann a dh’ eibheachd do spuirt, Mealladh eisg ’thig bho ’n mhuir, ’S bras a leumas ri tuil, An Garraidh bheuchdaich nan sruth, A d’ lamh fein mar thig riut, Crann reidh le geur-ghuin, Dheanadh reubadh a’s fuil, ’Nuair a gheilleas e dhuit: ’S binn eisdeachd ri d’ ghuth ’ga phairteachadh. ’S ann a dh’ eibheachd, &c. ’S leinn is eibhinn ri luaidh, T-ùr cheilidh, gun ghruaim, Ann a d’ achlaisibh nuadh, Fo shnuim ghlaiste le stuaim, Ann an carranntas buan, Air a tasgaidh a suas, ’S a toirt dachaidh le buaidh, Le d’ mhor-chuirt mar bu dual, Gu talla greadhnach nan stuagh arda. ’S leinn is eibhinn, &c. No ’m facas riabh i fo ghùn, Nighean Iarla no Diuchd, Nach deagh riaraicheadh tu, Ann an riaghailt ’s a muirnn, Ann am briathraibh ’s an cliu, An gradh iarrtasaibh ciuin, ’S gun chianal gun smuir, Ge do bhitheadh a giullan aighleasach? No ’m facas, &c. [TD 165] Is caite faicear air feill, Fear do chleachdaidh ’s do bheus, Ann an gaisgeach no’n gleus, Ann an carraid, no’n streup, Ann am beachd ann an ceill, Uasal, cinneadail, treun: Leat a thigeadh an treud, ’Dhol ’s an iomairt ri t-fheum, Mar bu dual-chuis dhuit fein, ’S gu’n cluinnt’ ort deagh sgeul, ’s buaidh laraich. Is caite, &c. An uair a thogta do laoich, B’ ann do d’ shuaicheantas daor, Ri crann gallanach, caol, Air dheagh shnaidheadh bho ’n t-shaor, Long, a’s leomhann, a’s craobh, ’S bradan tarra-gheal, ri ’n taobh, Lamh dhearg agus fraoch, Nuair a dh’ eighte le d’ mhaoir crois-taraidh. An uair, &c. Oran do Shiosalach Shrath-ghlaise, romh theachd na ’n caorach mora d’a Dhuthaich. ’N AM dusgadh as mo chadal domh, Air maduinn ’s toiseach bruidhn’ agam, O! theanga na d’ thoir masladh dhomh, A’s dean Srath-ghlaise a chuimhneachadh; ’S mo thogradh cha chuir bacadh ort, A’s eigh a mach, ’s gu ’n cluinn sinn thu; Tog fonn air cliu an t-Siosalaich, Glac misneach ’s na bitheadh cuibhreach ort. [TD 166] Sàr mharcach nan each innealta, Gu srianach, criosach, diollaideach; Nuair leumadh tu ’s na stiorapaibh, Cha mhinic iad a thrialladh riut, Do phearsa chumbach, bheachdail, deas, ’N ard chleachdainnibh nan Iarlachan, Mar sheobhag an t-ian meartuinneach, Air thus na h-ealta ’cliaranach. ’S O! ’n gaisgeach, euchdach, curranda, ’S gun iomadaidh do ’n mhor-chuis ann, D’ am bheil an Stoille urramach, ’S gun uireasaibh deagh fhoghluim ort; Gu sgiamhach, fialaidh, furanach, Geur ghuinideach, cruaidh-chomhragach: ’S na ’n tairn’gte suas an cumasg riut, Bu fhrasach fuil ’g a dortadh leat. Bha bhuaidh sin air do shinnsearachd, ’S tha firinn a’ toirt sgeoil orra, Na ’n gealluinnibh bu dileas iad, Do ’n righ a chaidh air fogradh uainn, ’S fo d’ shail cha d’ fhag thu ’n di-chuimhn’ sid, ’S gun stri cha tillte toireachd ort, A chraobh nach aom le siantainnibh, Th’ air cinntinn mar bu choir dhi bhi. ’S na ’n eighte ’feachd na h-Alba thu, Bu dearbhta do dhaoin’ uaisle dhuit, ’S gur mairg a chasadh eacoir ort, Nuair dh’ eireadh leat do ghuailleachain, Na Siosalaich chruaidh, gheur-lannach, Nach geilleadh ri h-uchd tuasaide, Gu fuileach, guineach, beum-bhuileach, Gu reachd’or, treubhach, cru [TD 167] Gu seasach, duineil, faoillteachail, Mu d’ dhaoine tha thu curamach; Air gheard mu ’n eirich baoghal doibh, ’S cha leig thu aomadh cùil orra; ’S gur mairg a nochdadh aobhar dhuit, Nuair dh’ eireadh laoich do dhucha leat, Chum seasamh ri h-uchd caonnaige, Le ’n claidheannaibh cha diùltadh iad. Nuair thogta pìob a’s bratach leat A mach bho chaisteal Eirchealais, Bu lionmhor òig-fhear spalpara, Fo ordugh grad chum seirbheis dhuit; Gu dagach, gunnach, acfhuinneach, Gu ruinn gheur, sgaiteach, eirtheartach, Ag gearradh smuais a’s aisinnean, Le cruas nan ealt’ gun mheirg orra. Le ’n ceannard uasal Siosalach, Gu suairce, miosail, giullanta, Cha mheall an t-òr le sìtheadh thu, Gu bristeadh air do chumhnantan; Cha ’n fhàillinnich do ghealluinnean, Do t-fhearann thug thu cùnnradh dhoibh, Air làraichean a’ Sean’airean, A’s ceangal ac’ air ùine dheth. Cha ’n ioghnadh iad bhi dileas dhuit, ’S do chis a dhioladh durachdach; Cha ’n fhaicear coin no cìobairean A steach ’na d’ thìr ’g an iunnsachadh; ’S bho ’n chuir thu cul ri tairgseachan Bho ghall-bhodaich nan luraichean, Gu ’n d’ fhag sid cliu an Albuinn ort, ’S tha farmad aig gach duthaich riut. [TD 168] ’S gu meal thu cheilidh sholasach, A dh’ orduicheadh air cluasaig dhuit, Bho sgeith nan geug-chrann moralach, Cha diobair coir air uaisle dh’i; Mar ghrian ’s a mhaduinn shamhraidh i, Air slios nan gleann neo-dhuatharach, A’s maisich dearsadh ’foillseachadh, Le h-iochd is caoineil cuartachadh. ’S mar reult-an-iuil ag eiridh ’muirnn, Tha ’n euchdag ur nuair ghluaiseas i, Le beusaibh ciuin, nach d’ theid fo ’r cul, An ceill ’s an cliu le truacantachd; ’S e sid a chuis nach b’ ioghnadh leinn, ’S na fiurain as na bhuaineadh i, Slat churaidh ’n iubhar mhileanta, ’S gur lionmhor mile buaidh oirre. Cumha do dh’ EOGHAN CAMSHRON, Fear Ghlinn-Nibheis. AIR FONN— “A cheud latha do ’n mhios so, ’S be di-ciadan an la ud.” ’LEUM an tuagh bharr a samhaich, ’S bhrist an claidheamh ’s a cheann-bheairt; ’N àm tional ri cheile, ’Chaoidh ite sgeith’ Chloinn Cham’roin; Ceisd nam ban bho Ghleann-nibheis, ’S oighre dligheach nan garbh-bheann, Ge math Padruic bhi t-ionad, ’S cràiteach cinneadh bho ’n d’fhalbh thu. [TD 169] Cha b’i ’n aois thug do chail uait, No chuir do laithean an giorrad: Ach an teachdaire laidir, Bho Righ nan gras thigh’nn a d’ shireadh: ’S bho na rinn iad do charamh, ’S an deis’ bhais air a filleadh, Dh’ fhag sid bròn air do chairdean, ’S chaochail abhaist a ghlinne. Tha do thalamh gun mhanran, Gun cheol gaire, gun mhire, ’S iad gun iomairt air thaileasg, No gun lamh thoirt air spionaid, Gun fhidheàl, gun chlarsach, A bheir àbhachd do d’ ghillibh, Gun ghuth orain, gun dàna; Ach deoir, ’s cha nàr dhoibh a’ sileadh. ’S tha do bhain-tighearn’ phriseil, Gun dion air a gruaidhean, ’S tric deoir air a rosgan, Bho na thaisg iad ’s an uaigh thu; Cha ’n ’eil aice chuis aiteas, Ach bhi ’ga t-fhaicinn am bruadair; ’S an àm dhi dusgadh ’sa mhaduinn, ’S trom a h-achdain a’ gluasad. Tha do bhannal fo ghruaman, ’S tha do ghruagaichean deurach, ’N àm bhi d’ thogail air ghuaillean, B’ aobhar truais ’bhi ’g an eisdeachd: Eadar is lean, a’s uaislean. Chite gruaim air an leirsinn, Bhi ga d’ charamh gun chluasag, ’S an leabaidh uaignich fo ’n deilidh. [TD 170] Cha bu chlaodhaire stuchdach, ’Bhuidhneadh cuis ’s an tigh-mhoid ort, Gnuis a reiteachadh cùirt, Bu mhor rùm agus eolas, Ceann gun uireasaibh stiuiridh, ’Chaidh a chrùnadh le foghlum, A ghleidheadh onoir a d’ dhuthaich, ’S cha do thionndaidh thu cleochd ort. Caite ’n cualas ort sgainneal, Aig a’ bhaile no uaithe? Ri linn eiridh an carraid, Thug thu ’n aire ga d’ dhualchuis; ’S og a ghluais thu air t-aineol, ’S na fir geala ri d’ ghuaillean; ’S bha gach buaidh ort ri aithris, ’N àm bhi ’tarruinn na ’n cruaidh-lann. Deud shnaidhte mar ìobhraidh, ’S beul dionach air uachdar, ’S teanga bhlasda nam firinn, Nach innseadh an tuaileas; Cridhe soilleir gun mhi-run, Agus inntinn gun bhruaidlein, ’S pearsa chumbach, dheas, direach, A bh’ air a lionadh le h-uaisle. Bu tu ’n curaidh gun fhathadh, ’Chuir an latha ’s na ruaige; Mar bu dual dhuit bho t-athair, ’N àm do chlaidheamh a bhualadh, Gun tioma, gun mheatachd, Gun ghealltachd, ri cruadal, Gun fhiaradh, gun seachnadh, Air thus feachda romh luaidhe. [TD 171] ’S tu bu tighearnail gabhail, A chinn-tigh nan uaislean! Air an deanadh iad tàthaich, Le lan aidhear gun ghruaman: Nuair a shuidheadh tu d’ chathair, Do chuirt cha laidheadh fo smuairein, Fialaidh, fiùghandach, flathail, ’S bu mhuirnneach maithean mu ’n cuairt dhuit. Bha thu iriosail, suairce, ’S cha bu tuairisgeul breig’ e: ’S lionmhor maise, ’s deabh-bhuaidh Bh’ air am fuaigheal ri d’ bheusaibh, Teanga mhacanta, stuama, Nuair a ghluaiseadh tu a d’bheul i, ’S cridhe tairis na h-uaisle, Bu mhor truas ri luchd-deirce. Cridhe baigheil, gun iarguinn, Sàr bhiatach an fhiona, ’G a chaitheamh le riaghailt, Sporan fialaidh d’ a dhioladh, Anns gach càs air an iarrt’ thu, Be do mhiann a bhi rioghail, A chraobh bu riobhaiche giagan! ’S a sgaoil a friamh bho Iein dìleas. Bu tu chraobh bho ’n stochd phriseil, Mar a dh’ innseas gach sgeul ort, Ann an eachdraidh ’na rioghachd, Ma theid firinn a leubhadh; Bha do chòir air a sgriobhadh, Bho laimh an righ bha ’n Dun-eidean, A fhuair a chiad fhear do t-shinnsreadh, Nuair a chriochnaich e ’n treun-fhear. [TD 172] Ann am malairt nam buillean, Bu taosgach fuil as a chreuchdan, Dhoirt feithean a churaidh, D’ am b’ ainm am bully ’sa bheurla, ’S fhuair an Camshronach urram, ’Dhearbh na h-urad da threundas, ’S thug righ Alba dha tuillidh, An gleann a chumaidh na’ féidh ris. Bi choir chinnteach an la sin, Tighinn a dh’ àiteach Ghlinn-nibheis, Air a dionachadh laidir, D’a shliochd gu brath mar bu shin’ iad: Bha i ruith air an àlach, ’S iad a ghna’ na ’n cinn-fhine, A sheasadh dileas an larach, ’S nach leigeadh càs air an gillean. Bho ’n rinn Eoghan ar fagail, ’S nach cuis nadair e thighinn, ’S theid gach aon duin’ an àl so, Gun dail air an t-sligh ud: Gach neach a dh’ agradh a chairdeas, Glacaibh Pa’ruic ’n ’ur cridhe, Chionn ’s gu seasadh e aite, ’S olaibh slainte gach dibh’ air. Seinnidh an t-òran so le Irin, à-rin, o-ro, bha hi, Irin, a-rin, o-ro, bha ho, Biodh gach duin’ agaibh bronach Airson foirneart ar Righ. [TD 173] Cumha do dh’ Fhear Lònndabhra. AIR FONN—“Mile marbhaisg air an t-saoghal!” ’S LIONMHOR suil a tha galach, Dubhach, deurach, mu fhear Lònndabhrà; ’S goirt lium sgaradh do chéilidh, Bho ’n la thainig an t eug ort gun dàil; ’Bhi ’ga d’ mhilleadh b’e ’m beud e, Gun do ghillean a d’ reir ’s tu ’n cruaidh-chas, ’Dhol a chumail do shreine, Nuair a dh’ fheargnaich a bheist ’thug a bhlà. Tha do nighean fo ghruaman, Snuim a cridhe cha ’n fhuasgail ach màll, ’S e mar chud’rom na luaidhe, Air tuiteam fo bhruaidlein nach gànn, Sior-shnithe le gruaidhibh ’s i drùthadh Tromh a cluasag fo ceann, ’S goirt a sgaradh a fhuair i, ’N àm dhi dùsgadh, ’s cha bhruadar a bh’ ann. Nuair a chaidh thu ’na d’ dhiollaid Moch an la ud, a’ triall bho ’n tigh bhàn, Lan tuigse agus riasain, Fhir a chumadh an riaghailt air cach; Faicleach, furachail, ciallach, Nuair a ghlac thu do shrian ann a d’ laimh, Mar stiùir luinge ’n uair fhiathail, ’S i gun eagal gun fhiamh romh ’n ghaoith aird. [TD 174] Chaidh an t-ainmhidh gu dhùlan, ’S cha ghabhadh a’ bhrùid cuir fo smachd, ’S mu ’n deachaidh tu d’ chùram, Is ann thainig a chuis ort cho grad, Leis an leum thug an curs-each, Mar gun lasadh am fùdar bho ’n t-sraid; Bha do phearsa, ’s bi ’n diubhail, Air dhroch càradh fo chrùithean a chas. Bu tu marcach nan steud-each, Gun uireasaibh cèille na ’n dàil; ’S ge do thuislich do cheum ort, Cha ’n ’eil fios nach e ’n t-eug a bha ’n dàn: Ach ’sgeul craiteach ri leubhadh, Gun do chairdean bhi leirsinn mar bha, ’S tu call t-fhola trom-chreuchdach, Gun aon duine ach thu fein an gleann fàs. Nuair a thainig do ghille, Bha sid nadurra ’thioma bhi truagh, ’Dhoirt a shùilean air mhire, ’S bu dlu’ dheoir s iad a silleadh le ghruaidh; Cha robh chomhail, ach sgiorrail, ’S e gun chomhnadh a’ sireadh nam bruach, Tigh’nn na ònrachd bho ’n fhìreach, ’S gun fhear sgeoìl aige dh’ innis mar fhuair. Air tùs tighinn do ’n òig-fhear, Cha d’ fhuair e do chomhradh ach fann, Bha t-fhuil chraobhach gun fhòtus, ’S i mar chaochan a’ dortadh le gleann; Do cheann sgaoilte gun chomhdach, Ri néimh na gaoith-reota b’fhuar greann, Mar gun tuiteadh fear comhraig, Anns an àr-fhaich le stroicheadh nan lann. [TD 175] ’S ma ’s e bàs bha mu d’ chomhair, Cha robh seol air cuir roimhe ’san àm, ’S biodh mar-bhi air gach gnothach, Co dhiu bhios ann prodhaid no call; ’S ge b’e dh’ amhairceadh domhainn, Tha clach-thuislidh ’s leachd-shleamhuinn ’s gach ball; An druim air iomaire threobhaidh. Faodaidh cùis tighinn thoirt sobhaidh dhuinn ann. ’S an treas latha do ’n bhliadhna, Fhuair thu ’n t-saighead a chriochnaich do chàil, ’S thainig teachdaire t-iarraidh, A’s co dh’fhaodadh do thearnadh bho ’laimh? Mar gun loite thu le h-iarrunn, Do chorp uasal ’ga phianadh le cràdh; ’S fhuair do chairdean an diachuinn, ’S bu truagh muladach cianail an càs. Chiad di-luain do ’n bhliadhna ùir A fhuair sinn naidheachd, ’s cunntas mu d’ bhàs; ’S misde maithean do dhùcha, Gun do chàireadh do chul’aobh ri làr; An àm reiteachadh cuise, Bhiodh do threundas air cul do luchd graidh; ’S b’fhearr t-fhocal le d’ dhùrachd, No lan glaice do ’n chuinneadh bho chach. Ann an tagradh no ’n dioladh, ’S i do theanga bu shiobhalta cainnt, Bha do ghealladh co chinnteach, ’S ge do dheanadh tu ’scriobhadh le d’ phean; Cridhe soilleir gun mhi-run, Dear-lan soluis le firinn gun fheall; ’S an ard-bhaile na rioghachd, Sheasadh t-fhocal ’s cha diobradh do bhann. [TD 176] Nam biodh eiginn air caraid, Bha thu fuasgailteach, fearail, neo-chlì; Nuair a ghluaiseadh tu mhala, ’S mairg a bhuaileadh aon fhear dhiu ri d’ linn; ’N àm an cruadal a tharruinn, Bha do dhualchuis ri fallaineachd sil; Bho Chloinn Chamshroin an darraich, ’S tu ’shliochd Iein-ic-Ailein nam pìos. Gnuis na feile neo-sgàdhach, Gheibheadh eisdeachd an lathair a’ mhòid, Fiosrach, euchdach ’s na raidibh, ’Ghleidheadh ceum romh ’n bheul-àdh far ’m bu chòir; ’S leir a leus air do chairdean, Bho na rinn iad do chàradh fo ’n fhòd; Chaidh an tobar a thraghadh, ’S leir an gainneamh, ’s cha tàir iad diar òl. [TD 177] Am bard ag diteadh an tuairisgeul gun do threig Mac-ic-Alastair e. Agus ag moladh Ghlinne-garradh airson a threundais ann am faotuinn air an ais na’n arm a thugabh as a chaisteal aige, am bliadhna 1746. NUAIR thainig mi ’n taobh-sa, ’s beag ’shaoil mi gun tachradh e, Tha mi tromh m’ chadal, ’s na duisgear mi, Gun tilgte cho faoin mi, ’s nach i ’n aois a chuir as domh, ’S ged tha mi tromh m’ chadal, na duisgear mi; ’S ma dhiobair gach caoin mi, ’s gun do chlaon mo chul-taic’, Thainig car air an t-saoghal, ’s theireadh daoin nach faict’ e, Ma leigear mar sgaoil mi, ’s mo thaod air a phasgadh, Gur fheudar dhomh m’ fhasair a ghiulan lium. Ruith naidheachd ’s an duthaich, gun tionndar air m’ ais mi, ’S ged tha mi tromh m’ chadal na duisgear mi; Ge b’e dh’innis a sgeul ud a bheul ’bhi srachdta, ’S ged tha mi tromh m’ chadal, na duisgear mi; Gur e cleas nam ban glùin’, deigh an turnn a chuir seachad Nuair chairte bhean-shiubhla air curam na leapa: Gun d’thugta cead falbh dhoibh, le’n earbs, as an casan, ’S gum b’amhuil, ’s mar thachair do ’n Dughalach. ’S i Chaingis a dh’innseas, ma ’s a firinn a th’ ac’-san, Tha mi tromh m’ chadal, ’s na duisgear mi, ’S tric breugan a sgaoileadh, ach daonnan thig ath-sgeul, ’S ged tha mi tromh m’ chadal, na duisgear mi; [TD 178] Cha chreid mi luchd mi-ruin, ’s mi cinnteach a fasga, Bho ’n Alastair phriseil, sgiath dhionach a ghaisgich, ’S na’n deanadh iad righ dhiot, gheibhinn fhin bhi air caisteal, ’S gu falbhuinn do Shasunn gu siubhlach leat. Sgeul eibhinn le ’m chluasaibh, gu ’bheil buaidh ort an drasda, ’S ged bha mi na m’ chadal, gun dhuisg mi as, Gun d’fhuair thu lamh n-uachdar, air buaireas do namhaid, ’S ged bha mi na m’ chadal, gun dhuisg mi as; Suidhidh mis’ ann a’ seomar, ag ol do dheoch-slainte, ’S ged chostadh i ’n t-or dhomh, cha soruinn a phaigheadh; Bhiodh mo bhotul air sgornan, cha stopan a b’ all lium, ’S cha chunntuinn gu brath nach bu chunradh e. Fhuair thu onoir an Lunnuinn, nach urrainn mi aireamh, ’S ged bha mi na m’ chadal, gun dhuisg mi as, Thug a Pharlamaid uil’ dhuit urram an trathsa, Bha mi na m’ chadal, ’s gun dhuisg mi as: Air do thuras do Shasunn, fhuair thu dachaidh an armachd, ’Bha cian air an tasgaidh fo ghlais ann an Albuinn, ’S ioma neach d’ am bheil fios air, tha tri fichead bho ’n dh’ fhalbh iad A bhliadhna chaidh fearg air a Phriunns’ aguinn. Fhuair thu labhairt, ’s leirsinn am beurla ’s an gaidhlic, Bha mi na m’ chadal, ’s gun dhuisg mi as, Ann an tuigs’, ’s an reusan, ge b’e dh’eisdeadh ri d’chanain. Bha mi na m’ chadal, &c. [TD 179] Thug an righ dhuit am bliadhna na dh’iarr thu do dh’ fhabhar, Na h-airm a bha diomhain fo dhionachadh laidir, Nach facas d’a fhiachainn air bial’aobh an namhaid, Bho ’n dh’ fhogradh thair saile na Stiubhartaich. B’i sid bliadhna na trioblaid, chaidh bristeadh ’s na Gaidheil, Bha mi na m’ chadal, &c. Agus turas na bochdainn, cha robh fortan an dan dhoibh, Bha mi na m’ chadal, &c. Chailleadh seobhag na comh-stri, Aonghas og Ghlinn-garradh, ’N la chaireadh fo ’n fhod e, ’s lion’or oig-fhear bha galach, Dh’ fhalbh misneach chloinn Domhnuill, ’s thuit ceo air a sealladh, ’S bu mhor a chuis sgaraidh an iunntraichinn. Gus na chriochnuich an duin’ ud, bu mhor urram na ’n gaidheal, Bha mi na m’ chadal, &c. Nam bu Domhnullaich uil’ iad, ’dhoirte fuil anns an ar-fhaich, Bha mi na m’ chadal, &c. ’N la chaill iad an deas-lamh, cha robh ’n teasraiginn laidir, Chaidh gach cinneadh ’n am breislich, ’s fada teist’neas chaich air, ’S cha do tharuinn iad deiseal, a dhol ’sheasadh ri ’n namhaid, Cha b fhearr na sid thainig an ionnsaidh dhoibh. Chuala mise ’ga sheanchas, gum bu shearbh an tigh’nn dachaidh, ’S ged bha mi na m’ chadal, gun dhuisg mi as, [TD 180] ’S bu tric uaislean nan garbh-chrioch, mar leanbain gun altrum, ’S ged bha mi na m’ chadal, gun dhuisg mi as; ’S ioma talla mor, priseil, bha gun dian, no gun fhasga, ’Faighte furan nam piosan, ’s ol fiona gun airceas, Far an eisdte ri’n linn-san, ceol pioba, ’s luchd facail, Ged dh’ orduich lagh Shasunn an du-losgadh. Dh’fhag iad creagan-an-fhithich fo shnidhe gun chean air, Bha mi na m’ chadal, &c. Chaill caisteal Ghlinn-garradh cunntas chanan ’s an àm sin, Bha mi na m’ chadal, &c. ’S bho ’n fhuair sin a mach iad cuiribh seachad an dram, sin, ’S bi’dh an deochs’ air a ghaisgeach a thug dhachaidh gun chall iad— Slainte Gharrannaich ghasda chuir fo chasan gach gamhlas, ’S ged thigeadh ar naimhdean cha churam dhuinn. ’S leat a nis’ air do shealbhaidh na h-airm dhealbhacha ghasda, Bha mi na m’ chadal, &c. Ann a t-aros air eal’chuinn cha d’ thoir airgead a mach iad, Bha mi na m’ chadal, &c. Thug iad tamuil an uaigneas, nach cualas an caismeachd, Mar mhaighdeannan stuama, gun truaillidheachd na ’n taice, Ged dh’fhalbh iad a’ fuadach air ghuaillean luchd chasag, Thug t-uaisle-sa dhachaidh gu muirnneach iad. Theid do bhaile na uidheam, mar bu chuibhidh fo armachd, Bha mi na m’ chadal, &c. ’S mairg a theannas ri sheisdeadh nuair dh’ eireas an fhearg ort, Bha mi na m’ chadal, &c. [TD 181] ’S na’n iarrt’ ga feum thu thigeadh reisemeid dhearg leat, Theid gasda fo’n eideadh, le’m feilinnibh balla-bhreachd, Buidhean uallach bho Gharraidh, ’s fir gheala na’ garbh-chrioch, Dheanadh fuil thoirt air chalgan, ’s na stuchd bheannaibh. ’S na ’n eighte riut cogadh, cha tu’m boban ri d’shliogadh, Bha mi ’na m’ chadal, &c. Gnuis na feile nach obadh, ’s mairg a thogradh gu stri riut, Bha mi ’na m’ chadal, &c. Cha tu ’n t-sheorach ri d’ tharuinn, no ’n leanamh gun fhiaclan, Co theannas ri d’ mhealladh, da ’n aithn’ thu da rireamh? Leomhan fuileachdach, fearail, uasal, ceannartach, dileas, ’S cha do cheannaich thu ’n dileab bu duchas dhuit. An la thogar a suas leat do shuaicheantas riobhach, Bha mi ’na m’ chadal, ’s gun dhuisg mi as; Co theireadh ’s an uair sin, nach bu dual dhuit bhi rioghail? Bha mi ’na m’ chadal, ’s gun dhuisg mi as; Seobhag firinneach, uasal, lean thu cruadal do shinnsreadh, ’N àm leigeadh na luaidhe, bhiodh luchd t-fhuatha na ’n sineadh, Caite bheil ’san taobh-tuath so, na bhuannaichdeas cìs dhiot, Na ’n cuirte da rireamh gu d’ dhùlan thu. [TD 182] Cumha do Choirneal Iein Camshron, a thuit ann am blàr Bhatarlaidh, agus chaidh a chorp thoirt dhachaidh do Chill-a-Mhaillibh, ’n Lochabar. AIR FONN— “Gur muladach mi lium fhin, ’S gu’n duine mu ’n cuairt.” ’S LIONMHOR caraid s fear daimh, Nach gearain a cheann bhi tinn, Chaidh a leagadh ’s an Fhraing, ’S a chuir Bonaparte thall d’ar dith; Ged bha Wellington ann, ’Chuir scapadh ’na champ bho thir, ’S leir ri fhaicinn ar call, Dh’ fhag na Gaidheal cho gann ri ’r linn. ’N sgeul a thainig as ùr, Dh’ fhag na h-Abraich fo thursa bron, ’S iad gun mhire, gun mhuirnn, Gun aidhear, gun sunnt ri ceol; Chaill iad caraid ’sa chùirt, ’S treun bharrantas cuil air sloigh; ’S lionmhor Morair a’s Diùchd, A bha cràiteach mu ’n diubhal mhoir. Chunnacas long anns a chaol, ’S i ’seoladh le gaoth’ bho ’n iar, Dol gu Fasadh nan craobh, ’S ann leamsa nach b’ fhaoin an sgial; ’S corp àluinn an laoich Air a clàr, ’s gun bu daor a thriall, ’S dh’ fhag sid bròn agus gaoir, Aig mnathan dà thaobh Loch-iall. [TD 183] Latha blàir Bhatarlaidh, Thuit ’n t-shaoidh sin fhuair cliu ’s gach tir, Mor Chamshronach ur, Choisinn urram an cuirt an Righ; Fhir nach tionndadh do chùl, Nuair a reachadh a chuis gu stri, ’S tric a dhearbh thu do thuirnn, ’S a fhuair sinn’ ort cunntas fior. D’ fhuil ’ga dortadh air mhire, Dh’ fhag cho doineach do chinneadh gu leir, A’s do chreuchdaibh a’ sìleadh, ’S cha robh doigh air a tilleadh le leigh, ’S gun a d’ choir ach do ghille, ’S e brònach le tiom’ as do dheigh; ’S cha bu leoin an cul slinnein, Leis ’n do thuit thu ’san iomairt, ’s b’e ’m beud. Bu tù ’m buachaill’ air treud, Gu’n gleidheadh bho bheud gun chall, Gus an cuirte orra feum, ’S iad uil’ air dheadh ghleus a’ d’ champ; Neartmhor, fulanach, treun, Fad ’sa sheasadh tu fein air an ceann: Bhiodh do naimhdean lan chreuchd, ’S tu cur an ra-treut’ na deann. Sàr churaidh gun chealg, Cait’ an cualas fear t-ainm ri d’ linn: A dh’ fhuirich no dh’ fhalbh, Thug ort urram le dearbhadh fior; Ann an cumadh, ’s an dealbh, No ’n cumasg nan arm dol sios, Leomhan fuileachdach, garg, ’S lan ghaisgeach gun chearb ’san stri. [TD 184] Fear do choltais le cinnt’, Cha ’n fhaicte ’n cuig mil’ air sraid, Gun chron cum’ ort ri inns’, Bho mhullach do chìnn, gu d’ shail; ’S d’ airm ghasd’ air do shlinn, Leis an reachadh tu ’n tionnsgladh blàir, Ann an cogadh no ’n sith, ’S tu bhuidh’neadh a chis thair chach. Bu ghlan ruthadh a d’ ghruaidh, Air each aigionnach, luath, ’chinn aird, ’S tu air thoiseach do shluaigh, Nuair a tharruineadh tu suas bragàd; Claidheamh nochda’ gun truaill, Leis an coisneadh tu buaidh a d’ laimh, Lann thana, gheur, chruaidh, Scathadh chlaignean, a’s chluas gu làr. ’S mairg a spionadh dhiot calg, Nuair a lasadh do mheamna d’ shroin, Lamh dheas air chul arm, Leis an reachadh tu an sealbh a ghleois; ’Ghleidheadh onoir do ’n righ, ’S cha leigeadh tu dhiot a’ choir; ’S goirt do chairdean ’ga d’ dhith, ’S nach d’ fhan thu a dh innse sgeoil. Sid an sgeula ’bha goirt, Dh’ fhag Sir Eoghan na thosd, gun sunnt, ’S beag an t-ioghnadh a sprochd, ’S deoir bhi sileadh bho ’roisg’ gu dlu; A dheadh mhac oighre gun spot, A dh’ fhoillsich le ’phosta cliù, Dhol gu bàs le trom lot, Air a chàramh a nochd ’s an ùir. [TD 185] An latha mor sin chaidh crioch Air a chogadh, ’s gach rioghachd thall, ’S iomadh laoch bu mhor pris, A thuit leis an stri ’s an Fhraing, Phaigh Cloinn Camshroin a chìs, ’S cha d’ thig iad air tir gun chall; ’S ged a thainig an t-shith, ’S daor a h-éiric ’s an diol a bh’ann. An la fhuair iad bho’n Fhraing Do chorp prìseil a nall thar chuan, ’N ciste ghiubhais nam bord, Ged ’bha ’n fhailt ud cho bronach, fuar; Dh’ àrduich d’ onoir cho mor, ’S nach bu mhuillean do ’n òr a luach, Do thoirt dachaidh le coir, ’S do thasgaidh fo ’n fhod far ’m bu dual. ’N Cill-a-Mhaillibh nam feirt, Chaidh an laoch bu mhor neart fo dhion, ’Na ùir dhuchasaich cheart, Ann an tùr na ’n clach snaighte, grinn; Ge b’e ghabhas dùr-bheachd, Air scriobhadh na ’n leachdan slinn, ’S leir an sid gur ceann feachd, Fhuair urram le ceartas Righ. Fad ’sa shiubhlas a ghrian, Dol deiseal na nial gu h ard, Gus an leagh le teas dian, Na beanntuinnean sios gu lar; Cluinnear iomradh do ghniomh, Gus an teirig gach sliabh ’s gach traigh, Seasaidh fianuis do bhuadh, ’S do chuimhneachan suas gu bràth. [TD 186] ’S ann an Lunnuinn nan cleochd, Dhealbh iad ioghnadh ro mhor mu d’ chàs, Ris ’n do chosdadh an t-òr, Obair innealta, sheolt lamh; ’S nam b’i iomairt na ’n dornn, A bheireadh tu beo bho ’n bhàs, Cha leigeadh crùn Dheorsa Thu laidhe fo ’n fhod cho trath. Oran mar gu ’n deanadh duine og e, agus e posda ri Caillich. MA theid mi gu feill, gu feisd, no banais, Bidh ise làn eud, ’s i fein aig baile; ’S ma bheir mi le sùgradh suil air caileig, Gur diumb a’s fàlachd sid dhomhsa. O hì, o hà, gur cruaidh a chailleach, O hì, o hà, gur fuar a chailleach, Ho rè, ho rà, ’s i ghrain a chailleach, Dh’fhag mise ’n am amadan gòrach.* Ma ni mi ’s tigh òsda stòp a cheannach, No suidh air bòrd ’s gun òl mi drama, Theid faileadh ’na sròin ’s a dorn an tarruinn, ’S bithidh muinntir a bhaile ri mòd oirnn. * Ri bhi ri aithris an deigh gach rann. [TD 187] Mar ceannaich mi tea cha’n fhiach mi m’ fharaid, A leigheas a cinn, ’s i tìnn a gearan; Cha dean i rium sith, ach stri a’s carraid, ’S ri canran teallaich an comhnuidh. Bhithinn gu h-eibhinn, eatrom, aidhearach, Aigionnach, gleusda, a’ leum ’s an Earrachd, Na ’n deanadh an t-eug bho cheil’ ar sgaradh, ’S gu ’n càirinn am falach fo ’n fhòd i. Cha ’n airgiod, cha ’n òr, cha stòr, ’s cha thrusgan, ’Chuir mise air a tòir ri moran cùirteis, Ach dalladh fo sgleò le eolsaibh-buidseachd, ’S ann agamsa tha ’n t-uirsgeul air Seonaid. Gun d’innis mo mhathair dhomh chàil ’s an robh ise, ’S gun d’ thainig a laithean mu ’n d’ àraicheadh mise, ’S ann ormsa tha nàire d’ an aireamh a nise, ’Bha deich bliadhna fichead ’s còr ann. Nuair thig mi bho ’n chrann an àm an earraich, Le fuachd air mo chall, ’s mi ’n geall mo gharaidh, Cha ’n fhaod mi na taing dol teann air an teallach, Mu ’m buail i gu h-ealamh le bròig mi. Cha dean i dhomh feum, ’s cha ghreidh i aran, Cha ’n àraich i feudail, spreidh, no leanamh, A’ laidhe ’s ag eiridh ’g eigheach ’s a’ gearan, ’S gu ’n reicinn gu deimhinn air ghròt i. Cha ’n fhaigh mi fear eolach thig deonach ’ga ceannach, ’S gun oirr’ ach droch-fheoil, ’s cha ’n ’eil seol air a malairt; ’S na’m faicinn long-chorr bhiodh a seoladh bho ’n chala, Gu ’n cuirinn i thairis do ’n Olaint. [TD 188] Tha fàileadh co fiadhaich am bliadhna d’a h-anail, ’Chuir mise ann am fiabhras fo iarmailtean galair, Bhi laidhe ri cliadhaich, ’s a lia-ghead air failleadh, Dh’ fhag mise mi-fhallain, ’s cha neonach. Cha b’ uillear dh’i fiaclan clia-chliata gu tachas, No seiclean math iaruinn air an giarachadh sgaiteach, ’Bheireadh sgriobadh, a’s riasladh, air a bian nach ’eil taitneach, Mar sheiche chruaidh chairtidh air comhluidh. Corp glogach, mi-dhealbhach, gur mairg tha na taice, Brù bhuidhe na starraraich, mar shean-bhalg acfhuinn; Gur mise bha cearbach, ’s droch bhargan am phachda, ’N la thug mi lium dhachaidh i posda. ’S a cnaimhean co chruaidh ri cuailleachan darrach, A craichdean, ’s a tuar cho fuar ris a ghaill’inn; Cha dean baraile guail aon uair a garradh, Gun dusan sachd gearrain do mhoinidh. A h-aisnean mu ’n cuairt a suas na ’n camain, Mar àtuinnean fuasgailt’ am buaile no am maingir, No slatan clia-luaigh ’bhidhte suathadh le farum, A bualadh ’s a carradh na ’n clòidhean. Gun fhiacaill ’na ceann, ’s car cam ’na peirceal, Nuair thogadh i greann an àm an fheasgair, Gu’n teicheadh gach clann, gach crann, ’s gach seisreach, Aig miad an eagail romh a groigeis. Nuair charras i barran, ’ga spannadh mu lei’cheann, Air a cheangal gu daingean, ’s a callaid na sheasamh; Bheir a teanga le ealain mac-tall’ as na creagan, ’S i ’g iarraidh gu greis thoirt air comhstri. [TD 189] Ged bhiodh agamsa deanta, na ciadan punnt sasnach, Cha dioladh an riadh ré aon bhliadhna tomba’ dh’i, Ana-caitheamh gun riaghailt, ’bha riabh a cur as domh, Bho ’n chiad latha thachair sinn comhla. Ga losgadh, ’s ga phiobadh, ’sa dichioll ’ga chagnadh, Ged chaill i nam fiaclan a giollaibh a ghlagain, ’S leachd-theadh anns a ghriosaich, gun diochdladh a gradan, A’ cur di air ’s ga shadadh na poraibh. Ga smùtadh, ’s ga smaladh, ’s gun tamh oirre casdaich, ’S cha ’n innis mi ’n drasda gach fagail a th’aice: Aig cruaidhead a lamhaich le spairnn as a raidse, Gu ’n leigeadh i Caisteal-bhun-Lochaidh. ’S mo bheannachd gu brath aig Bard Ghlinne-garradh, ’S e dh’ innseas mar tha mi air m’ fhagail aig caillich; Fior fhilidh nan dàn a chaireadh an ealaidh, ’S e Ailein a dh’ aithris an t-òran. O hì, o hà, gur cruaidh a chailleach, O hì, o hà, gur fuair a chailleach, Ho rè, ho rà, ’s i ghrain a chailleach, Dh’fhag mise ’n am amadan gorach. [TD 190] Oran do Bhirlinn Mhic-ic-Alastair, a thogadh ann an Inbher-gharradh, am bliadhna 1824. AIR FONN—“Mo dhiobhail dith ar Ceann-feadhna.” SLAN gu’n till a bhirlinn Ghleannach, ’Ghluais di-luain air chuairt bho ’n fhearann, Le sgioba cruadalach, fearail, Nach meataich air chuan na mara; Dh’ aindeoin fuachd, gaoth tuath, no gailliunn, Nuair thogas iad suas a h-anart, ’S ard a suaicheantas ri crannaibh, Culair uasal Ghlinne-garradh. Hò i ùro bho hò èile, Horo horo hùg a’s theid i.* Bheannuich sinn air tùs na maidne, An iubhrach ùr, a bùird, ’s a h-achdair, Eadar chroinn, a’s shiùil, a’s shlatan, A h-ailm ’s a stiùir, a buill ’s a h-acfhuinn, ’S a raimh chul-dearg ’na bachdaibh Aig fir luth-chleasach na ’n glachdaibh, Bheireadh tulgan sunntach, sgairteil, Gun sgios, gun iomral, gun airteal, ’S an cuan ùdlaidh ’bruchdadh as-caoin, Mu scairean a sùigh a slachdraich * Ri bhi ri aithris an deigh gach rann. [TD 191] Shuidh na seoid air ceann gach tobhta, ’S shìn iad a mach air a portaibh, Gallain dhìreach air dheagh lochdradh, Sia-raimh-dheug bu cheutaich’ coltas, A thionndadh an fhairg’ le scòpraich, Ghluaiseadh a mhuir ghorm gu boslaich, Le neart ghairdean nan laoch toirteil, ’S an gruaidhean co dearg ’s an corcar, ’G iomradh saoithreach, aotrom, sochdair. ’S bu cheol cluaise do na fleasgaich Piob nuallanach mhor ’g a spreigeadh, Coi’thional bho mheoir Ghilleasbuig, A sheinneadh a chuairt moch a’s feasgar, Aig a gualluinn shuas na sheasamh, Caismeachd nam buadh nach bu bheag oirnn, ’Ghluaiseadh mac-talla as ’na creagan, ’S duis le siunnsairibh co’ fhreagairt. Thagh iad a mach laoch gun tioma, Shuidhe air a stiùir ’s an lingidh, Curaidh calma, bu tarbhaich’ slinnein, Ri ard stoirm nach gabh giorrag, Nach iarr àbhsadh, ’s nach dean tilleadh, Fad ’sa dh’ fhanas bord dh’i tioram: Air a h-urlar ’s luthar gillean, Surdail, durachdach, ’s an iomairt, Gallain ùra, ’s cliu d’ an cinneadh. Cloinn Domhnuill air bhord a fuaraidh, Na seoid nach sòradh an cruadal, ’S binne na òrgain na ’n cluasaibh, Cronanuich a còrd ’g am fuasgladh, Seoladh àrd air bhar nan stuadhan, ’S muir chàir-gheal ’gàirich mu guailean [TD 192] ’S aithnidh cach ’s gach aite ’n gluais i, An Emerald le h-ainm ro-uasal, Stoilleadh Innse-gall a fhuair A Bhìrlinn luchdmhor, an seud luachmhor. Suidhidh le ordugh nan uaislean, Fear eolach nan dorn is cruaidhe, ’Thairnneas an scoid thuig a’s uaithe, ’Leigeas gu seolta mu ’n cuairt i, Ge b’e taobh a thig am fuathas, No sheideas frasan le buaireas, ’S coingeis leatha deas no tuath e, ’Ruith gu direach gleusd’ air fuaradh, ’S luaithe na each réis an ruaig i, ’Scoltadh nam beuchd-thonnan uaibhreach. Gu ’m bu slan do ’n t-shaor a dh’ fhuaigh i, Pearsanach, ’s a phairt ri Cluainidh, Dh’ fhag gu dionach, laidir, luath i, Seasaidh a h-àlach gun ghluasad, Fuaigheal gach strachd tha mu ’n cuairt dh’i, Darrach nadurra nach fuasgail, ’Chinn an gleann, nam beann, ’s nam fuaran, ’S aileagan ’s an airde tuath i. ’S ro mhath dh’ fhag a lamh ’sa lochdar, Gach slatan, gach crann, ’s gach tobhta, Gach reang gu h-iosal fo lobhtaidh, Snasda, dileas, sinnteach, sochdrach, Bho druim cho dionach ri botul, Gu strachd beoil is boidhche coltas: Ma chumar bho rugha ’s bho rochd i, ’S bho sgeiribh cuain gun a dochunn, Ged dh’ eireadh muir suas ’ga posdadh, Cha gheill a’ calpanan copair. [TD 193] Bho ’n la ghluais iad bhar nan stochd i, Cha ’n fhaicear air sail’ a coltas, Saor cha do chuir tàl no lochdar Air luing no air bàrc theid roimhpe; Gun chron ri aireamh ni lochd dh’i, Bho sail gu aird’ a saoith-thoisich, Air a clàr cha tamh a bhochduinn, ’S gillean aighleasach le cosdas, Cha ’n ioghnadh dhoibh, ’s làn an copain Do ’n stuth laidir as ’na gochdaibh, ’S nach faigheadh cead tamh ’s na botuill. Anns gach cala ’n tilg i h-achdair, An Albuinn, an Eirinn, no Sasunn, Bruchdaidh na’ ceudan ’ga faicinn, ’S ioghnadh leo i fein ’sa prasgan, Luchd nam feileadh beag, ’s nam breachdan; ’S lionmhor maighdean bheusach, bhas-gheal, ’Shaoithricheas d’ an eisdeachd tachdan, A’s piob nan dos reidh ’ga spalpadh, ’S Rodhach ’ga seideadh gu sgairteil, ’S òl le reit’ air mac-na-bracha, ’S gum bu h-eibhinn ’thig iad dhachaidh. Beannachd a chàirdean, ’s a thuatha, A cheathuirnne, ’s a dhaoin uaisle, Do’n treun-laoch a chuir a suas i, An Raonullach a sìne ’chualas, Coirneal Domhnullach ri luaigh e, Mac-ic-Alastair a chruadail, ’S gach ainm dhiu sid cha ’n ’eil suarach; ’S gu ma fada maireann, buan e, ’S oighre ’na ionad bhi ’n uachdar Air a chinneadh, ’s gu ’n robh buaidh leis. [TD 194] Glac a nuas an t-shearag riobhach, Fhir ’ga riachaid na bi miothar, Ma ’s a branndi, beòir, no fion i, Dean a ghloine sin a lionadh; Deoch-slainte Gharrannaich phriseil, ’S an d’ fhàs an fhuil uasal, rioghail, Bho ghuaillibh gu chluais a direadh, Oighre dligheach Rois, ’s Ille, Mhuile, ’s Innse-gall, ’s Chinntìre. Oran do ’n Bhàta-thoite, d’ an goirear Beinn-nibheis. AIR FONN—“Tapadh leat a Dhomh’uill-ic-Fhiunlaidh.” ’S MOR an t-ioghnadh leo ’s an rioghachd, ’S iongadach ri innse an trathsa e, Beinn-nibheis a dh’ fhas co iseal, A falbh le h-innleachdaibh air sàile, Eadar Inbheirnis, ’s an Crìonan, ’S Glaschu mor nan stìoball arda; Cha till frasan, gaoth, no sian i, Braise lionaidh, no sruth tràghaidh. Air a bheinn ud thainig caochladh, Gun mhuilt, gun chaoirich ’g an àrach, Gun chuirnn, gun chlachan ’na h-aodunn, Gun chreagan, gun fhraoch, gun chàdhar; ’S an aite gach sruthain fhior uisg’, Bh’ air a criochan bho linn Adhamh, Thainig liunn, a’s portair brigheil, ’S togsaidean fiona na ’n aite. [TD 195] Co chreideadh sid an urraidh, Cha robh feum do dhuine ’gradhuinn; Nach laidheadh sneachd air a’ mullach, ’S gun fhiadh a’ fuireach ’na fàsach; ’S am bliadhna chuala sinn uile, Gun d’ fhuair i t-urram air sàile, Cho luath ri peileir a gunna, ’S thug na saoir gu cuma bàta i. Dh’ fhas i na darrach, ’s na h-iarunn, ’S a cliathaichean dionach, laidir, Staidhrichean gasd’ air am fiaradh, A direadh bho h-iochdar gu braighe; Seomraichean geala gu h-iosal, Far an òlar fion na Spainte, ’S gach fear is urrainn a phaigheadh, Gheibh e ’n sid gach ni gu aighleas. ’S ard ’s na speuraibh chithear smuid dh’i, ’G eiridh suas bho ’n fhurnais ghàbhaidh, ’S coireachan goileach a spùtadh Air cuibhleachan ùra pràise; ’S gach ball na’ com is mor ioghnadh, Riabh cha ’n fhaca suil an àicheadh, ’S ge b e fear a dheilbh air thus i, Co nach d’ thugadh cliu gu bràth dha. Nuair a theid i ceart air ghluasad, ’S fada chluinnear fuaim a h-àlaich, Fairge ’ga scoltadh m’a ghuaillean, Sruth air chuartagan a sàlach, ’S cobhar ard ’ga steolladh uaipe, A bar nan tonn uaine cair-gheal, Le neart a h-onfhaidh ’ga fhuadach, Mu chlachan ruadha’ na tràghad. [TD 196] ’S luaithe ’rothan na gàth-gaoithe, ’M feasgar Mairt ri faobhar ard-bheann, A’ rùsgadh fairge le saothair, Air gach taobh dh’i sao-shruth ’gàirich, ’S àrdan borb nam bòchd thonn craosach, Mu ’toiseach a taosgach bharcan, ’S teine dian d’a cur le sraonadh, Na still an aodunn na bàrluinn. ’S feumail dhi ’n treun-laoch ’ga stiubhradh, Neartmhor, dumhail, luthsar, laidir, Bonnanach, somalta, tùrail, Anns a’ bheil curam a’s nàire, ’S air airdead ’s ga ’n eirich sùghain, Nach cuir sumbaid as a làraich, Mac Lachuinn bho ’n chaisteal chliuiteach, Do ’n dùchas bhi ’n Arraghaidheal, Eiridh am fear-iuil ’na toiseach, Nuair a chi e coltas gàbhaidh, A’ glaodhaich ri laoch na stiùra, Gleidh do chùrsa mar a tha e, Lean do ghabhail direach romhad, Tha ’mhuir coimheach ruinn an drasda, Cum a ceann ri sùil an fhuaraidh, ’S cuirear tuilleadh guail ’s an àmhuinn. ’Feasgar anmoch tighinn bho ’n lingidh, ’Dol gu cala ’n ionad sàmhach, A’ leigeadh ’h-achdraichean ’sa ghrinneal, ’Ceangal Beinn-nibheis le càbuill: ’S cridheil, sunndach, ’s muirnneach gillean, Sùrd air mire, ’s air ceol-gaire, Greis air orain, òl, a’s iomairt, Aig na seoid is binne mànran. [TD 197] An Caiptean Bàn a’ sàr dhuin’ uasal, Mala gun ghruaim, gruaidh is àilte, Sgiobair fearail ri àm cruadail, Cridhe stuama, suairce, cairdeil; ’S an latha thachair sinn thuasad, Anns an uair sin ghabh e baigh rium; ’S ged a bhiodh mo cheann air cluasaig, Chuirinn mu ’n cuairt a dheoch-slainte. Duanag do ’n Bhàta-thoite, da ’n ainm a Mhaighdean-Mhor-bheinneach. MO MHILE beannachd do ’n mhaighdinn, ’N eirig na fhuair mi ’ga caoimhneas, Righ na ’n gràs ’bhi la, ’s dh’ oidhche Na philot gu a toirt chum tir. Slan gu ’n till a mhaighdinn chliuiteach, Chaidh do Glaschu mor nam bùthaibh, ’S na fir gheala, chridheil, shunndach, A dheanadh na crùin a dhiol.* Fhuair i stoilleadh air an fhearann, D’ an ainm a Mhorrthuirnne ghleannach, Far a faigheadh fleasgach fearail, Maighdean bhanail, ’s leannan grinn. * Ri bhi air aithris an deigh gach rann. [TD 198] Nuair a theid i ceart air ghluasad, ’S fairge ’ga scoltadh m’a guaillean, Cha till soirbheas deas no tuath i. Air chruaidhead ’s ga ’n d’thig an t-shian. Nuair dh’ fhadas iad teine guail dh’i, ’S cuibhleachan d’ an cur mu ’n cuairt leis, Snàmhaidh i air bhar nan stuaidhean, Cho luath ri fiadh fuar ’s an fhrì. Slan do ’n sgioba ’s do ’n chaiptean, Na fir ùra ’s muirnnich’ aigne, Dh’ eireas sunndach, moch air mhaduinn, Surdail, acfhuinneach gun sgios. Comunn a chuir cul ri bochdainn, Nuair a shuidheadh iad gu sochdrach, ’S a chuireadh mu ’n cuairt na botuill, Cha b’e am portair ach am fion. Caiptean Mac Mhathain an t-uasal, Mala chaol gun fhraoch, gun ghruaman, Siol nam fear bho ’n airde Tuath e, A sheasadh cruaidh an arm an righ. Nuair a dh’ eireadh iad fo ’n bhrataich, ’S ceann an fheidh ri reidh-chrann snaighte, Bhiodh ra-treuta air luchd nan casag, Gun àite fasgaidh achd’ gu ’n dian. Sporan fiallaidh bho ’faighinn fuasgladh, Cha do chuir thu riabh air cruaidh-shnuim, Bha do shaimhseal dhomhsa buadhail, ’S mor a th’ fhuair mi air mo sgrìb. [TD 199] Thagruinn cairdeas Mhic-Iein-Léithe, ’S gur dileas do m’ chinneadh fein e, Sheasadh air gach cnochd le cheile, Nuair a dh’ eireadh iad gu stri, Sgoilleir gàidhlic, agus beurla, ’S deise scriobhas, ’s binne leubhas Gach focal a reir a cheile, ’Tighinn a mach bho a’ dheudaich ghrinn. Mac-Aonghais cha ’n fhag mi ’n di-chuimhn’, ’S sean a shloinneadh anns an rioghachd: ’S nuair thainig Mac-ghillebhride, Gun dhearbh iad bhi dileas ri linn. Duanag do ’n Bhàta-thoite, do ’n gairmear Beinn-Loimein. ’S MOR an t-ioghnadh leo ri innseadh, Beanntuinnean arda na rioghachd, Air muir shaile ’snamh le h-innleachd, Ged a bhiodh a glinn air bòchdadh. Hùg-iri-hùg, hùg a rireamh Air a’ bhata, laidir, dhionach, Le fir gheala, chairdeil, dhileas, Slan gu tir gu ’n till Beinn-lòmain.* * Ri bhi air aithris an deigh gach rann. [TD 200] Chuir iad Beinn-nibheis do Leoghas, An Ceann-cinnidh sios do Chromba; ’S Beinn-loamuinn le siubhal fonnar, A chois’neas an geall ’san Oban. Nuair a ghluaiseas i bho ’n chala, Cluinnidh gach cluas fuaim a darraich, Fairge mu guaillean ’ga gearradh. Steolladh, geal romh neart a sroine. ’S binne na chuach cheitein shamhraidh, ’S sinn’ ’nar suidh’, a’s ì na deann-ruith; Greis air orain, ceol, a’s dannsa, Deilbh na’n rann, ’s ga ’n cuir an ordugh. ’S binn ’sa mhaduinn bhi d’ ar dusgadh, Le piob mhoir nam feadan siubhlach, ’S Uilleam Rodhach le mheoir luthar, A cuir sunnt fo ghillean òga. Gum bu slan a thig ’sa theid iad, An Caiptean, am Pilot, ’s an Cleireach, Na fir scairteil, ghasda, threubhach, Dheanadh an treundas a chomhdach. Caiptean Mac-Aonghais an t-uasal, Siol nam fear a sheas an cruadal, Ris na Lochlannaich d’ am bualadh, ’Lean an ruaige ’s bu chruaidh ’s an toir iad. ’S Leathanuich bho cheann Lochbuidhe, Sheoladh ard air bhar na ’n sruthaibh, ’Chuireadh an cath feargach, fuileach, ’Bhuaileadh na buillean ’sa chomhstri. [TD 201] Iein ’s Ailein na Gaidheil, ’S Donnchadh mhac-Mhathain an t-armunn, ’S niarachd bean a ghlachd air laimh e, A’ la th’ fhuair i fainne posd’ air. Alastair Steansan gun ghruaim air, Saighdeir fearail ri h-uchd cruadail, Gnuis na’ feille, beul na stuaime, ’Giullan na h-uaisle gun mhorchuis. Alastair Friseal a’ Stiubhard, Do ’n fhuil uaibhrich, uasail, chliuitich, Ga ’m bu dual ’bhi ’n caisteal Dunaidh, Sheasadh gach cuis mar bu choir dha. Beul siobhalta ’s fior-gheal deudach, Snaidhte, dionach, grinn ri cheile. ’S lionmhor ribhinn og tha ’n deigh ort, ’S leis am b’ eibhinn bhi ga d’ phogadh. Gum bu reidh dh’i air gach slighe, ’S ann rithe dh’ eireadh mo chridhe, ’S b’ fhearr lium gu ’n cluinninn a rithist, I bhi tighinn air Loch-Lochaidh. [TD 202] Cumha Mhic-ic-Alastair. AIR FONN—“Gaoir nam ban Muileach.” ’S BOCHD ’sa mhaduinn mo dhusgadh, ’S mi gun aidhear, gun sugradh, ’S goirt an t-shaighead a chiuir mi, A rinn mo lot air mo chulaobh; Sgeul a thaing as ùr oirnn, Dh’ fhag mo chridhe-sa brùite, Bàs an laoich bu mhor cliu’ aig na Gaidheil. Bàs an laoich, &c. ’S trom ’a cha ’n eutrom ar n-eallach, Bho dhiordaoin an deigh Calluinn, Creach a’s gaoir dà thaobh Gharraidh, Cha ’n òr, cha ’n airgiod, cha ’n earras, Cha chrodh, cha chaoirich, cha ghearrain, Ged a chailte iad ’s t-earrach, Cha ’n e aobhar ar gearain, Ach an t-Alastair Gleannach ’g ar fagail. Ach an, &c. Mo chreach mhor ’s mo chruaidh thùrsa, ’S fada ’n oidhche dhomh ’m dusgadh, ’S tric mi m’ leabaidh a’ tionndadh, ’S mi ri iarguinn mo dhiubhail, Chruinnich sluagh as gach duthaich, A thigh’nn ’g a d’ thogail air ghiullan, [TD 203] ’S a chuir tharad na h-urach, ’S truagh do chairdean as t-iunnais, ’S nach duisg piob no fuaim ciuil gu la bhrath thu. ’S nach, &c. Oirnne thainig gun fhios duinn, Sgeala craiteach ar clisgidh, ’Rinn ar fagail gun mhisneach, Ar sgiath laidir a bhristeadh: Gun fhear baigh a ni iochd ruinn, Bho ’n chaireadh fo lichd thù: A righ nan gaidheal ’s a chistidh! ’S lion’or suil a bha silteach an tra’ sin. ’S lion’or, &c. ’S bearn bhristidh bho ’n dh’ fhalbh thu, A mor uaislean na h-Alba, A Leomhain! churanta, chalma, Bho ’n Tùr Gharrannach ainmeil, Nan gleus glana ’s na h-armachd, Nan cuach òir, ’s nan corn airgid; Miad gach buaidh bha ort dearbhta, Trian cha ’n urrainn luchd seanchais an aireamh. Trian, &c. B’e sid turas a chruadail, Thug a mach air do chuairt thu, ’S do thoirt dhachaidh air ghuaillean, A dh’ fhag sinne ’n ar truaghain, Caite ’m facas no ’n cualas, Cuise a’ tachairt bu chruaidhe, Na t-fhuil mhoralach uasal, ’Bhi ’ga dortadh fo stuaidhean an t-shaile. ’Bhi ’ga dortadh, &c. [TD 204] ’S oil lium càramh nan òighean, Do chaomh bhain-tighearnan òga, Ga ’n do thachair bhi ’s t-sheomar, S cach ’gad’ rìdhe air na bòrdan; Do dha nighinn ’gad phogadh, An te bu shine le dochas, A’ cuir sheideag a d’ phoraibh, An duil gun d’thugadh i beo thu gu d’ chaileachd. An duil, &c. ’S beag an t-ioghnadh an sprochd-san, Ged nach caidil iad sochdrach, Deoir bhi sileadh bho ’n rosgaibh, ’N deigh bhi faicinn do lotan; Do ghnuis àluinn ’ga dochunn, Leis a bhàta dhubh thoite, D’ an robh dàn a mhi-fhortain, ’S am fear a dheilbh air a’ stochd ì, B’ fhearr nach beirt e bho thoiseach le mhathair. B’ fhearr, &c, A Mhic-ic-Alastair euchdaich, Nan trùp mearra, ’s nan steud-each, Ged tha sinne fo chreuchdan, ’S goirt leinn achdain do cheilidh; Do dheagh bhain-tighearna bheusach, Ris na dhealaich an t-eug thu, Rinn ar sgaradh bho cheile, ’S beag an t-ioghnadh a d’ dheigh-sa, Ged nach dean i gàir eibhinn ri ’laithean. Ged nach, &c. ’S faoin a chadal air cluasaig, ’S trom a h-iunntraichean uaipe, Marcach deas nan each uaibhreach, [TD 205] Bu mhor gaisgeadh a’s cruadal, A lean gach fasan bu dualchuis, Leis ’m bu mhiannach ri ghuaillean, ’S a bhi ’ga faicinn mu ’n cuairt dha; Luchd nam breachdanan uaine, ’S bu trom snidhe air an gruaidhean, ’N àm fhagail ’s an uaighe air a chàradh ’N àm, &c. An laoch ceannsgalach, euchdach, Sàr cheannard nach geilleadh, A bheireadh aimhreit’ gu reite, Chaisgeadh fainneart a’s eucoir, ’S a chomanndadh na ceudan; Ge b’e thairneadh gu streup thu, ’S e bu ghlichde bhi reith riut, A lamh a bhualadh na ’n geur-lann, Ri h-uchd cruadail na ’n eireadh ort ardan. Ri h-uchd, &c. ’S ann na laidhe ’n Cill-Ionain, Dh’ fhag sinn biatach an fhiona, Lamh a b’ urrainn a dhioladh, ’S cas a shiubhal na frithe, Bu tu sealgair na sithne, Le d’ chuilbheir caol, direach; ’S bho na thainig a chrioch ort, Gheibh na lain-dhaimh an siochaint, Cadal samhach ’s cha dirich an namhaid. Cadal, &c. ’S lionmhor Filidh thug speis dhuit, Agus Bard ris an d’ eisd thu, Bhitheadh do ghìnnidhnean reidh dhoibh, [TD 206] ’S iad a nis ann am feichean, A seinn do chumha bho ’n dh’ eug thu, Co thilleadh am breig iad? Dhòmhsa b’ aithne do bheusan, A chinn-fheadhna na’ feisdean, Mac mhna eile fo ’n ghrein cha d’ thug barr ort. Mac mhna, &c, ’S lionmhor fleasgach ’s fear posda, Dh’ eireadh leatsa gu deonach, A dhol an aobhar righ Deorsa, Chionn ’s gu faiceadh iad beo thu, Do mhor chinneadh nach sòradh, Eadar chairdean ’s luchd eolais; Ann a d’ Dhuchanaibh còrach, Gleann-Garradh, a’s Cnoideart; ’S e na th’ achd a chuis sholais, Do Mhac Oighre, Aonghas òg a bhi t-aite. Do Mhac, &c. Buaidh chnuic anns gach comhail, Buaidh chath agus chomhraig, Buaidh gliocas a’s eolais, Buaidh sliochd, agus posaidh, Buaidh mhic, agus storais Ort, ’s an ionad an coir dhuit Mar Cheann-cinnidh Chloinn Domhnuill; Saoghal fada, ’s cian beo dhuit a d’ laraich. Saoghal, &c. Ann an ionad an athar, Fiallaidh, fiughantach, flathail, Far ’m bu ghreadhnach a ghabhail; Bu tric uaislean a tàthaich, [TD 207] Tighinn air chuairt as gach rathad, ’S fion uaibhreach ’g a chaitheadh; ’Dol mu ’n cuairt air na maithibh, B’e cheol cluais agus aidhear, Piob mhor bu bhinn labhairt, ’Bhi ’ga dhusgadh gach latha le faillte. ’Bhi ’ga, &c. Sguiream nis’, tha mi reidh dheth, A chuir na focail ri cheile; Chaill mi caileachd mo ghéire, Mar sheann saothach air deubhadh, ’Dol na chlair as a cheile; No mar Oisein na’ Feinne, Nuair a dh’ fhag iad leis fein e, Gach aon duine air mo threigsinn, Ged ’s iomad la éibhinn, Thug mi ’n cuirt an fhir fheill’ air bhar aighlis. Thug, &c. CRIOCH. [TD 208] Mearrachdan a’ Chlodh-bhualaidh. Taobh Duilleig. An t-sreadh bho’n mhullach. 16 12 Airson iognadh, leubh ioghnadh 35 24 Airson fhasd, leubh fhaod 39 21 Airson iobhrabh, leubh iobhraidh 60 19 Airson Munn, leubh Mu ’n 73 8 Airson callaidh, leubh caillidh 80 20 Airson luaineaich, leubh luaineach 81 11 Airson Ghlag, leubh Ghlac 101 11 Airson cheill, leubh ceill 106 22 Airson stri, leubh strithe 111 16 Airson Hiltu, leubh Hillu, &c. rium 120 17 Airson do ’d, leubh do ’n 120 17 Airson uireasbhiduh, leubh uireasbhuid 139 16 Airson doibair, leubh diobair 140 20 Airson fidhlidh, leubh fidhlibh 144 2 Airson t-uaisle, leubh t-uasal 145 8 Airson Scriedin, leubh Scridein 175 7 Airson air, leubh an 181 1 Airson ga, leubh gu 188 14 Airson darrach, leubh darraich 189 2 Airson tomba’, leubh tombac’ Tha corr litir am mearrachd nach fiu a bhi ’g ainmeachadh a’ so.