[DA 1] AN TEACHDAIRE GAELACH, O BHEALLTUINN 1830 GU BEALLTUINN 1831. “An là a chì ’s nach fhaic.” AN DARA LEABHAR, ANNS A BHEIL DA THEACHDAIRE DHEUG. W. R. M‘PHUN, PUBLISHER, GLASGOW; W. BLACKWOOD, AND MACLACHLAN & STEWART, EDINBURGH. 1831. [DA 2] MACLURE, PRINTER, TRONGATE, GLASGOW. [DA 3] INDEX [Beurla] [DA 4] INDEX [Beurla] [DA 5] INDEX [Beurla] [DA 6] INDEX [Beurla] [TD 1] AN TEACHDAIRE GAELACH. CEUD MHIOS AN T-SAMHRAIDH. XIII. AIREAMH. 1830. MU SHACRAMAID NA SUIPEARACH. 1. Cor. xi. 24. Deanaibh so mar chuimhneachan ormsa. A THAOBH gu bheil an t-àm sin de’n bhliadhn’ a’ tarraing dlùth, anns am bitheanta leo air feadh na Gaeltachd, cuimhn’ a chumail air bàs agus fulangais an t-Slànuighir bheannaichte, tha dòchas againn nach measar le’r luchd-dùthcha mi-iomchuidh, sinn a sgrìobhadh beagan m’an chùis chudthromaich so anns an àireamh so, agus ann an cuid diubhsan a leanas. A chum beachd fìrinneach a bhi againn air na nithibh sin tha e air an toirt gu’r cuimhne anns an òrdugh so, is feumaìl duinn a thuigsinn, gu’n robh an duine air tùs air a chruthachadh ann an àilleachd na naomhachd. Ann an gàradh Edein bha e air a chuairteachadh leis gach maitheas; agus bha aige co’-chomunn sòlasach ri Dia. Ach thuit e o’n staid àrd agus shona sin, agus dh’fhàs e truaillidh agus ciontach. Leis mar thainig sinn o pharantaibh peacach, tha sinn uile ciontach; agus fo bhinne bàis. Ann an Adhamh bhàsaich na h-uile, agus le eas-umhlachd-san, tha gach aon a thainig uaith, ann an staid pheacach. Pheacaich na h-uile, agus thainig iad gearr air glòir Dhe. Thainig peacadh a steach do’n t-saoghal, agus bàs trid a pheacaidh; agus bu cheart-bhreitheach do Dhia sgrios a thoirt air a Chinne-dhaonna gu h-iomlan. Gidheadh, nochd Dia, a tha saibhir ann an tròcair ’s an iochd, a chàirdeas, agus chaomhainn e, ag ràdh, Saor e o dhol sios do’n t-slochd; fhuair mise éiric. B’e’n Slanuighear a gheall e, Mac na mnà, a bha gu tighinn ’an lànachd na h-aimsir, a bha gu ceann na nathrach a bhruthadh, agus gu iobairt choiliont’ réite a thoirt suas air son peacaidh an t-saoghail. Ré cheithir mìle bliadhna, bha fiughair gu’n coilionadh Dia an gealladh a thug e gu tràthail seachad. Agus cha robh anns gach iobairt a thugadh seachad o thoiseach an t-saoghail, o’n uan a dh’ìobradh le Abel, gus an là sin anns an d’thug Criosd suas a spiorad air Calbhari, ach samhluidhean dorch air an aon iobairt mhòir sin, trid a’ bheil Dia a’deanamh an t-saoghail réidh ris fein. Fo ’n t-Sean Tiomnadh, bha iobairtean àraidh air an òrduchadh le Dia. Nam measg so, bha uan [TD 2] r’a ìobradh air gach maduinn agus feasgar mar shamhladh sonraicht roi’laimh air bàs an Ti naomh sin, a tha air ainmeachadh, Uan De a ta toirt air falbh peacaidh an t-saoghail. Bha an t-uan Càisg air a chur gu bàs mar a ta fios aig gach aon a tha eolach air am Biobull, air an àm san do shaor Dia a shluagh féin a laimh nan Eiphideach; agus bha cuirm na Càisg air a coimhead o bhliadhna gu bliadhna, mar chuimhneachan air an t-saorsa mhiorbhuileach sin. Tha’n dòigh air an robh an t-uan ri bhi air a mharbhadh, agus a chuirm sin ri bhi air a cumail, anns gach beachd is urrainn duinn a ghabhail air a chùis, na shamhladh soilleir air an òrdugh naomh mu bheil sinn a labhairt. An déigh dhoibh an tighean a ghlanadh o gach taois-ghoirt, bu chleachda leo an àm na Càisg a choimhead, aran a ghabhail, ùrnuigh bhuidheachais a thairgse, na dheigh sin an t-aran a bhriseadh, agus a thoirt r’a itheadh dhoibhsan a bha cruinn. Dh’òl iad an sin fion, a cupain a bha fa’n comhair, le aidmheil thaingeil air son maitheas De as an leth, agus a’ cur an céill na nithe a rinn Dia air son Israel. Cho’-dhunadh a chuirm le laoidh mholaidh. Air feasgar an là sin, nach di-chuimhnichear gu bràth, an là m’an d’ fhuiling Criosd am bàs, choinnich e a dheisciobuil ann an seòmar uachdair ann an Ierusalem, chum gun itheadh e an t-uan-càisge maille riu. Anns an ionad sin shuidh e sios leo gu tùrsach, trom. Le mòr thogradh, deir esan, mhiannaich mi a Chàisg so itheadh maille ribh aon uair eile m’am fuiling mi. Bha fhios aige gun robh an deuchainn dheireannach a’ tarraing dlù. Gun robh an cion-fath m’an d’ thainig e chum an t-saoghail a nis gu bhi air a chriochnachadh. Chunnaic a shùil uile-leirsinneach gach ni bha ri tachairt. Bha fhios aige gun do ghabh a h-aon d’a dheisciobluibh os laimh a bhrăth d’a naimhdibh; agus an ùine ghoirid gun tréigeadh an t-iomlan diubh e. Bha’n t-àm sin a’ tarraing dlù, ’s an robh an t-aodhair ri bhi air a bhualadh agus an treud ri bhi air an sgapadh: an t-àm anns an robh cumhachdan ifrinn r’an gamhlas agus r’an innleachdan fheuchainn ’na aghaidh;—an t-àm anns an robh Athair glòrmhor r’a threigsinn. Nuair thainig an t-àm so, shuidh e sios leis an dà fhear dheug; bha’n t-aran agus am fìon air a bhord, rinn e iad nan samhluidhean air a chorp, a bha nis gu bhi air a reubadh, agus air fhuil a bha nis gu bhi air a’ dòrtadh; agus mar so shuidhich e òrdugh na Suipearach a tha ri bhi air a choimhead le luchd-leanmhuinn fein o linn gu linn gu deireadh an t-saoghail. Tha e soilleir o bhriathraibh Chriosd air an àm sin gu’n d’ thainig Sacramaid na Suipearach ann an àite cuirm na Càisge. ’Se so, a deir esan cupan an Tiomnaidh Nuadh ann am fhuilse. Thug e ainm ùr air a chupan. ’Se bha ann roimh sin cupan an t-Seann Tiomnaidh, mar chuimhneachan air an t-saorsadh a fhuaradh trid fuil an uain-chàisg; ach as a so a mach, ’s e th’ann cup an Tiomnaidh Nuaidh, ann am fuil an Ti naomh sin air nach robh an t-uan sin ach na shamhladh. Cup an Tiomnaidh Nuaidh, no an Tiomnadh deireannach, a chaidh a dhòrtadh, cha’n ann air son saorsa aimsireil pobull àraidh, ach air son maitheanas peacaidh do mhòrain; do’n mhòr àireamh a leanas iad gus an d’ thig an saoghal gu crìch. [TD 3] Ghlac Criosd an t-aran, agus le ùrnuigh agus taingealachd chuir e air leth e mar shamhladh air a chorp; bhris se e, a’ leige ris gun robh a chorp ri bhi air a leòn, air a bhruthadh, agus air a chràdh; gum fuilingeadh e am bàs, chum a shluagh a shaoradh; agus dh’ àithn e do gach aon d’a dheisciobluibh iad “a dh’itheadh de’n aran sin mar chuimhneachan air-san;” agus mar so a’ teagasg dhoibh an doigh air am bitheadh iobairt réitich éifeachdach chum an saoradh. Air a mhodh cheudna ghabh e’n cupan, agus air dha ùrnuigh agus a thaingealachd a chur a rìs an céill dh’iarr e orra “iad a dh’òl uile dheth;” mar bha’m fion na shamhladh air fhuil, a bha’n ùine ghearr ri bhi air a dòrtadh, a chosnadh sochairean an nuadh choi’-cheangail; agus chum an daighneach air son maitheanais peacaidh do na h-uile chreidich. Tha iomad ainm air a thoirt air an òrdugh naomh so. Tha e air ainmeachadh na Shàcramaid; focal nach ’eil ri fhaotainn anns na Scriobtuiribh, ach a tha ciallachadh bòid, no mionnan, a bha gnàthaichte am measg nan Ròimheach, leis an robh an saighdear ga cheangal féin gu bhi dìleas d’a cheannard: A’ leigeadh ris duinn, gu bheil an Criosduidh anns an òrdugh so ga cheangal féin fo na geallaine is tinne a bhi dìleas do Cheannard a shlainte. Tha e air ainmeachadh Suipeir an Tighearna leis an Abstol e féin; agus tha e soilleir cia mar a fhuair e an t-ainm sin. Shuidhicheadh e anns an fheasgar, an déigh suipeir an uain-chàisg; agus tha fhios againn gu’m b’i an t-suipeir an lòn bu phailte bha aig na h-Iudhaich. Tha e air ainmeachadh an Comunach, do thaobh a cho’-chomuinn a tha aca-san a tha co’-pairteachadh dheth air mhodh iomchuidh, le Criosd an ceann, agus le gach ball d’a eaglais choitchionn aig a bheil a spiorad, agus a tha ann an càirdeas ris. Do thaobh nàdur an òrdugh naomh so, feudar a ràdh ann am briathraibh coitchionn, gu bheil e na chuimhn’ air Criosd agus air na rinn agus na dh’ fhuiling e air son pheacach. ’Se cainnt an òrduigh so, “Deanaibh so mar chuimhneachan air Criosd.” Tha e na chuimhneachan air iobairt mhòir a chroinn-cheusaidh. Tha so soilleir o na briathraibh a chleachdadh an àm suidheachadh an òrduigh, ’Se so mo chorps’, a deir Criosd, a chaidh a bhriseadh air ’ur son, agus ’s i so m’ fhuil a chaidh a dhòrtadh air ’ur son. Tha briseadh an arain agus taosgadh an fhìona, a’ foillseachadh dhuinn bàs Chriosd, mar gum bitheadh e air a chéusadh fa chomhair ar sùl. Agus a h-uile neach a tha suidhe aig a bhord sin, tha iad air an gairm gu amharc suas le creidimh d’a ionnsuidh-san a bha air a cheusadh air an son; a dh’ fhuiling nan aobhar, agus a chuireadh gu dòruinn chum gu’m biodh iadsan air an saoradh. Anns an òrdugh so tha Criosduighean a’deanamh uaill ann an crann-ceusaidh Chriosd, trid a’ bheil Dia air a ghlòrachadh, agus daoine air an saoradh; agus a’leigeadh ris nach ’eil stéigh dòchais aca ach trid éifeachd na h-iobairt réitich sin air a bheil an t-aran agus am fion nan comharadh. A rìs, is cuirm spioradail Sacramaid na Suipearach, anns a bheil fìrinne an t-soisgeil air an cur mu choinneamh ar sùl, anns a bheil sochairean agus beannachdan an t-soisgeil air an tairgse do dheisciobuil Chriosd, agus trid creidimh air an gabhail [TD 4] d’an ionnsuidh. Ann an soisgeul Chriosd tha beannachdan air an uimeachadh air son uireasbhuidh a chinne-dhaonna, agus anns an òrdugh naomh so, tha cuireadh aig a bhochd agus aig an fheumach teachd agus a bhi air am beathachadh le sochairibh na slàinte. Tha Dia trid an spioraid ag aiseag d’an ionnsuidh gach ni maith a gheall e. Anns an òrdugh so tha Criosd agus maitheanas peacaidh, agus sìth o Dhia air an tairgse gu saor. Tha fuarain na beatha air am fosgladh suas, tha tobraichean na slàinte air an leige ris, agus tha cuireadh aig gach neach air a bheil tart, iad a theachd gun airgiod agus gun luach. Anns an lòn spioradail a tha’n so air a chur mu choinneamh chreideach, tha’n anama a’ teachd beo air an lànachd a ta ann an Criosd; agus as an lànachd sin tha iad a’ faighinn gràs gu cuideachadh leo anns gach àm feuma. An lorg so tha iad a’ cinneachadh ann an gràs agus ann an eòlas an Tighearn Iosa Criosd. Tha’n creidimh ann an Iosa air a neartachadh. Tha iad a’deanamh uaill ann mar am Fàidh, a tha soilleireachadh an inntinn, d’ an treòrachadh san t-slighe cheart; agus tha d’an deanamh glic chum slainte shiorruidh. Tha iad a’ deanamh uaill as mar an Ard-shagart dìleas, a bhàsaich, am firean air son an neo-fhìrean, a tha deanamh eadar-ghuidhe air an son, a tha ga’m beannachadh le beannachdaibh spioradail o ionadaibh àrda. Agus aig a chuirm so mar an ceudna, tha’n creidimh ann an Iosa mar Righ a phobuill air a neartachadh gu mòr. Tha iad a’ mothachadh a chumhachd, a’ ceannsachadh an spioradaibh ceannairceach gan cumail suas san t-slighe cheirt; agus le a chumhachd d’an treorachadh trid creidimh chum slainte. A ris, Tha òrdugh na Suipearach na shuaicheantas sonraicht air Criosdalachd, agus dhoibhsan a tha co’-pairteachadh dheth na chomharradh follaiseach gu bheil iad a’ gabhail Chriosd mar an Slanuighear, agus deònach bhi air an riaghladh leis, agus ùmhlachd a thoirt d’a uile àitheantaibh. Is co’-ionnan e ’sa ràdh, an làthair mòran fhianuisean, gu bheil iad ag earbs’ ann am bàs an Fhir-shaoraidh, mar stéigh an dòchais agus an sonais; o so suas gu ’n caith ad am beatha, a géilleadh do ùghdarras ar Tighearna, ullamh gu strìochdadh da fhocal, agus a dheanamh ni ’s àill leis; gum meas iad mar am biadh agus an deoch gach ni a tha taitneach dhà-san a dheanamh, agus gun dlù-lean iad gach là ris-san is e annsachd an n-anama, A ris, Tha Suipeir an Tighearna air a suidheachadh chum cridheachan Chriosduighean a cheangal ri chéile ann am bannaibh gràidh. Aig bord an Tighearna, tha a luchd-leanmhuinn a’ suidhe mar chàirdean, mar bhràithrean, agus mar bhuill do chàch a chéile. Tha iad a’ co’-pairteachadh de’n aon aran, agus ag òl as an aon chupan, air an ceangal fo ’n aon chùmhnant, nan luchd-leanmhuinn air an aon Cheannard, nan cloinn do’n aon Athair, ag imeachd san aon t-slighe, an dùil ris an aon dachaidh, agus nan oighreachan air an aon ghlòir. So uile tha air a leige ris duinn ann an Sacramaid na Suipearach. Aig cuirm na Suipearach thugadh an àithne so seachad mar ghràdhaich mise sibhse, gràdhaicheadh sibhse càch a chéile: agus tha Criosd a’seasamh aig ceann a bhùird, ge [TD 5] b’e àite bheil e air a sgaoileadh, agus ag ràdh r’a luchd-leanmhuinn, Aithne nuadh tha mi toirt duibh, gun d’ thugadh sibh gràdh d’a chéile. Anns an àite fa dheireadh, Le òrdugh na Suipearach tha sinn air ar n-earalachadh gu bhi deas airson dara teachd ar Slanuighear. “Oir cia tric a dh’ itheas sibh do ’n aran so, agus a dh’ òlas sibh do’n chupan so, tha sibh a’ foillseachadh bâis ar Tighearna gus an d’thig e.” Anns a bheachd so nach sòlasach an t-òrdugh Sàcramaid na Suipearach. Esan air a bheil sinn a’ cumail cuimhne mar so air a bhàs, tha e beo, agus bithidh e beo gu bràth; agus thig e fhathast a thoirt breth air an t-saoghal. O bhreitheamh a ghràdhaich a phobull, eadhon chum bàis, ciod na beannachdan ris nach feud dùil a bhi aca uaithe’? Gach Criosduidh aig bord communachaidh a’ smuainteachadh air obair choilionta Chriosd, tha e air a tharruing gu lionmhoireachd a pheacaidh a dhi-chuimhneachadh; gu fheòraich, Cò a dhìteas? agus tha e freagairt le dòchas agus dealas naomh; ’Se Criosd a bhàsaich. Gabhaidh mi cupan na slâinte, agus ìocam mo bhòidean do’n Ti as àirde. Mar so dh’ fheuch sinn gu ro-aithghearr nâdur an òrdugh naomh so a chur an céill. Gun teagamh ’se dleasnas gach Criosduidh co’-pairteachadh dheth. ’Si so àithne shoilleir an Tighearna, agus àithne dheireannach. Leis so tha a chàirdean a’ taisbeineadh an gràdh agus an taingealachd dha, agus gan dealachadh fein uatha-san a ta suarach uime, agus gun suim d’a iarrtas.—Ciod a ta air iarraidh orrasan a dheanamh, leis am b’àill Suipeir an Tighearn a ghabhail gu h-iomchuidh? ’So ceist a dh’ oidheirpicheas sinn a fhreagradh san ath-àireamh. Campsie Màigh 1d. 1830. C’ AITE ’BHEIL TRUAIGHE? Tha gach sligh’ air an gluais sinn an taobh so do’n uaigh, Air a h-iathadh m’an cuairt leis gach deuchinn ro chruaidh; Ach ged tha air gach laimh ioma doilgheas, is dòlas; Cha’n’eil anns an t-saoghal so truaighe gun dòchas. An diobarach is laige, cha’n’eil e gun taic, Ris an earb’ e le misnich na àmhghar, ’s na airc. Tha mìlse r’a fhaotainn sa chupan is seirbhe; ’S tha reult a’ toirt soillse anns an oidhche is doirbhe. Chunna mi’m peacach ’na airsneul ’s na sgìos, Fo uallach na h-aing’eachd air aomadh a sios; Ach bha Grian ait an dòchais na glòir os a cheann A’dearsadh roimh dheuraibh, gu h-aoidheil ’s gu ciùin. [TD 6] Chunnaic mi’n t-euslaint’ fo larguin ga chlaoidh, Bu chianail a chàramh, ’s bu deis’neach a chaoidh; Ach bha misneach san t-sŭil a chinn lag-sheallach fann, ’S bha fiughair na slainte mar adhart fo cheann. Chunna mi bhantrach, ’s i sĭnnt’ air an uaigh, Bha na deuran gu frasach a’ sileadh o gruaidh; ’Si gun chobhair gun taic, ach na dìlleachdain mhaoth Bha tuireadh gu leanabail, ’s iad sìnnte r’a taobh. Ach rinn ise bun anns gach gealltanas gràidh, Agus sheall i le aiteas air maduinn an àigh, Anns an siabar gach deur, ’s an leighs’ear gach crìdh’; ’S anns an coinnich luchd-daimh ann an àros na sìth. Agus shiubhail mi m’ smuaintibh an saoghal gu léir, Troi’n fhàsach bu duaichnidh, ’s troi’ ghleannaibh nan déur; Ach bha dòchas ’s gach ionad toirt misneach ’s gach càs, Mar tha ’ghrian anns gach ionad toirt soills’ agus blàs. Ach chì mi a tighinn àrd latha na soillse, An latha nach tionndaidh gu feasgar no oidhche; Tha dòchas an fhìrean air tionndadh gu buaidh. Tha’n t-aingidh gun dòchas—Feuch! iomlan, no truagh. J. M‘L. COHMRADH NAN CNOC. Pàra mòr agus Dòmhnull a Bhùth. DOMH. Failt ort a Phàra mhòir. Tha mi tuigsinn gun robh thu as a bhaile; cha ’n e na h-uile là a chuireas tu suas am beacan uaine, Cò as a thug thu choiseachd? PARA. Cha bu mhaith leam droch fhreagairt a thoirt ort, ach ge nach can mi, mar thuirt Ailean nan con e, Gun d’thug a’m’chasan, feudaidh mi le fìrinn a ràdh, Gur coma leam cò as. Bha mi ’n diugh ’sa bhaile-mhòr, is cha b’ e baile na biatachd; cùl mo laimhe ris an dà latha so. DOMH. Shaoilinn thus a tha chòmhnuidh ann an uaigneas a Ghlinn-duibh, gum bu bheothachadh mòr dhuit sgrìob a thoirt air uairibh do’n bhaile mhòr a dh’ amharc an t-saoghail. PARA. Ma tha ’m bail’ ud na shamhladh air an t-saoghal, cha’n ìoghnadh leam daoin’ a chluinntinn ag ràdh, An saoghal bochd, mosach. ’S mi nach iarradh a chausair tioram ocrach a choiseachd ri m’ bheo. Ged a dh’ fhàillnichinn air an t-sràid leis a [TD 7] ghorta, cha ’n ’eil dùil agam gu’m feòraicheadh iad Ciod, a dh’fhairich an duine bochd? DOMH. An robh thu aig mòd an t-Siorram an diugh, no ’n cual’ thu cionnas a chaidh do Iain bàn agus do Chailleach an òir? PARA. Cha teichd olcas; Fhuair i ’n lagh air Iain bochd, ’s cha b’e mo roghainn a bha ’n uachdar. Gnothach nàr, càin a chur air an duine bhochd, air son ruith de ’n teangaidh a thoirt do’n Chaillich ghrainde; agus ’se chuid is miosa, ged is ann ris na cnuic tha mi ga ràdh, nach dubhairt e focal ach an fhìrinn. DOMH. Tha’n fhirinn fein air uairibh searbh; ach is maith gu bheil lagh ann; agus nach feud esan no duin’ eile a dhroch nàdur a bhrùchdadh a mach a reir a mhiann, gun e dhìoladh air a shon. ’Se ’n lagh fein an gille. PARA. Is minic a chuala mi Gille nan car, agus b’e sin esan; lagh na dunach do gach duine a dh’ fheuchas ris. ’Se pailteachd an lagha, gorta na tìre. Bha càirdeas agus deadh-choimhearsnachd, tlus, seirc, agus caoimhneas, onoir agus fìrinn eadar duine agus duine, gus an cuala sinn iomradh air na fithich chìocrach sin na Sgrìobhairean, creachadoirean gun choguis gun iochd; spùinneadairean gun nàire— DOMH. Thoir an aire dhuit fhein, a Phàruig, cuimhnich mar dh’éirich do Iain bàn; agus tha priosun ùr a nis sa bhaile mhòr. PARA. Cha ’n eagal domh, tha ’n lagh air mo thaobh, seasaidh a bhreug mi. Deun a mach gun dubhairt mi e; cha ’n ’eil dà fhianuis agad mar bha aig Cailleach an òir. Sin agad an lagh; agus mar thuirt mi cheana, ’se milleadh na duthcha e. Chunnaic mi là, agus bu tearuinte do dhuine gleadhar de bhata daraich a thoirt do bhalach am fad an leith-chinn, no buitseach a ràdh a’ nis ri Cailleach an òir. DOMH. Nach mòr am beannachadh sin, teang’ Iain bhâin, agus bata Phàra mhòir a bhi fo’n lagh; agus gum faigh an duine ’s bochda ceartas an aghaidh an duine is saibhire. PARA. Air t-athais; cha ’n ’eil an lagh ri fhaotainn a nasguidh; mar biodh an t-òr aig a chaillich cha chluinnte iomradh air teang’ Iain bhàin. An t-aon aig a’bheil an t-òr gheibh e ’n lagh; agus ma tha gamhlas aige ri duine bochd sam bith, cha ’n ’eil aige ach a h-aon de abhagan an lagha a stuige ris, agus ma gheibh e as gun aileadh am fiacall a bhi na shàil feudaidh se e fein a mheas fortanach. An cluinn thu, Dhòmhnuill, tha mis ag ràdh riut, nach robh anns na Gaidsirean bochda ach feala-dhà an coimeas riu so; fhad ’sa dh’ fhanas duine o ghnothaichibh mi-laghail, cha ruig e leas bonn-a-h-ochd a thoirt orra san; ach ’s gann is urrainn duine a nis e fein a ghiùlan saor o lagh, agus tha do chuir ’s do lùban ann, gum feumadh duine a tha ’n sàs ann a bheag no mhòr de ghnothaichean, am Maor ruadh a bhi na chois gach ceum a théid e. Mo bheannachd air an àm a dh’fhalbh ’n uair nach robh Sgriobhair, maor-righ, no tearraid san dùthaich. ’S mi bha thall ’sa chunnaic e. DÒMH. ’S beag tha fhios agad ciod a tha thu ’g ràdh. Nam biodh tus eolach air eachdruidh na tìre cha labhradh tu mar sin: an uair nach robh lagh ann, ach focal an uachdrain, agus a dh’fheud- [TD 8] adh e le sméide na corraig leum air cheann a dheanamh air aon neach a thogradh e; agus an uair a bha a cheatharna bhochd nan tràillean. ’Se cothrom an lagha urram na dùthcha. PARA. Air do shocair a Dhòmhnuill; bha thusa gu deimhin fad an Glaschu, agus tha sgoil agad, agus comas labhairt; ach air a shon sin uile, feumaidh mi cur a’d’aghaidh; cha’n e cothrom an lagha urram na dùthcha; ach laghanna cothromach, agus ceartas, air am feud daoine bochd ruigheachd gun òr gun airgiod; agus ’se so sochair a bh’ aca ’sa Ghaeltachd m’ am facas riamh Sgrìobhair no Bàta-smùide nar measg. San àm sin ’nuair a thigeadh eadar dithis (ni is éiginn tachairt air uairibh) rachadh iad gu h-earbsach an làthair uaislean na dùthcha, na daoine tuigseach ceanalta, a thogadh, ’sa bha chòmhnuidh nam measg, a bha eolach air gnothaichibh tìre, agus a b’ urrainn labhairt ruinn nar cainnt fein; bha focal nan daoine so dhuinn mar lagh; agus cha do chuir sinn riamh an ag e. Bha chùis air a socrachadh gun mhoille gun chostas: bha réit air a dheanamh san àm, agus cha robh tuille mu dheibhinn. Cha robh smaoineach aig duine sam bith, ann an cuid de ghnothaichibh, dol seachad air a Mhinisteir agus air an t-Seisean, agus ann an gnothaichibh eile seachad air an uachdaran; ach a nis, ma chaogas fleasgach òg a shùil ri caileig, a suas a bhoineid chonnlaich ’s air falbh leatha gu fear-lagha, a dheanamh a mach gealladh pòsaidh na aghaidh, agus tha e co maith do ’n Ghille bhochd a gabhail, agus dol gu lagh leatha. DOMH. Tha thu di-chuimhneachadh gu bheil breitheanna anns gach cùirt, agus nach ceadaich iad foirneart a dheanamh air daoinibh bochd. Nach ’eil thu earbsach as an t-Siorram? PARA. ’S mi a tha! Dh’ earbainn ri fhocal mo chuid de ’n t-saoghal, ge nach ’eil sin mòr, taing do ’n lagh air a shon. Cha ’n eagal leam nach bi ceartas na bhreith; ach is rud a tha mi ’gearan gum bi comas aig na Sgriobhadairean daoine bochd a shlaodadh m’a choinneamh gun fhios c’ar son, le duine sam bith leis am miann a choimhearsnachd bhochd a sgiùrsadh le lagh; agus a dhìolas dhoibhse air son a dheanamh. DÒMH. Cia mar dh’ fheudas sin a nis a bhith? Cia mar dh’ fheudainse cur as duitse le lagh? PARA. Innseamsa sin duit. Thoir thus airgiod leat, agus rach do bhail’ àraid nach ainmich mi, agus abair ris an Sgrìobhadair leam, leat, Cuir Pàra mòr gu lagh; agus ’s meallta mise mar faigh esan dòigh air mis a thoirt an làthair an t-Siorram, ge nach biodh do leithsgeul ann ach gun do chrath am mart maol agam a dà chluais riut. Lagh, na shochair aig daoine bochda! tha mi ’g ràdh riut, ged a spìonadh tu ’n cota breacain so o’n druim agam, a’ cur an cêill gum bu leat fein e, m’ar b’urrainn domh le cruas nan dorn a chumail uait, b’ fhearr dhomh a thoirt duit, seach dol gu lagh, ni ged a bhuidhninn, a bhiodh dhomh na chall. DOMH. Tha beagan de’n fhìrinn anns na labhair thu, ach air a shon sin, tha daoine ni’s pòncaile nan gnothaichibh na bha iad; agus bha feum aig na Gaedheil air sin; cha ’n ’eil iad comharraichte air seasamh ri ’n latha. PARA. Mo thruaighe, is duilich dhoibh! Ach an saoil thu an [TD 9] dean an lagh ni ’s fearr iad. Feudaidh e an deanamh gu lùbach, carach, seòlta, ach cha tig an là a ni e iad fìrinneach, onarach. Chunnaic mi latha a bha sgailc air a bhois, co maith ri Bill agus urras; ach dh’ fhalbh an là sin; cha ’n fhothainn a nis ach stamp an ceann gach gnothaich. Am faic thu chorrag ud, a Dhòmhuill, chuir mi ri Bill i aon uair, ach ma chuir, cha chuir a rìs; b’ fhearr leam a cur air an ealaig fo ’n tuaidh; is mis a thuig cionnas a ta na Sgriobhadairean a’ deanamh am beartais. DOMH. C’ar son a ta thu ri gearan nan aghaidh-san; Ciod e Bill, ach gealladh fo d’laimh gun dìol thu na fiachan a tha e ’giùlan air latha àraidh; agus ma sheasas tu ris sin, cha ruig thu leas puinneag chàil a thoirt air an lagh. Thig dàil gu dorus, agus bu chòir dhuits’ an là a chuimhneachadh. PARA. A chuimhneachadh! ’S mi bha ga chuimhneachadh, ma bha, b’ iad mìosan bu ghiorra dh’ fhairich mise riamh. Ach sheas mi mo latha.— DOMH. Mu sheas, ciod an smàdadh a tha agad air na Sgriobhadairean? PARA. Chuir thu stad a’ m’ sheanachas. Tha cuimhn’ agad sinn a bhi air Roupa Fir-na-Craige an uraidh. Cò nach robh ann? bha an spréidh co maith, an dàil co fada, ’s an t-uisge-beatha co pailt. Chaidh riaghailtean na ceannachd a leughadh ann am beurladh; cha chuala mi aon fhocal a thuig mi ach aon ràn a thug am maor ruadh as, Dàil bliadhn’ a dhaoin uaisle. Thuit am mart maol orm féin; agus mu fheasgar dh’ iarradh orm dol a stigh maille ri càch. A’ bheil thu maith air an sgrìobhadh, ars’ am fear-lagha? Cha ’n ’eil, arsa mise, B’fhearr leam iomair’ a bholladh a tharruing direach leis an t-seisrich, na sgrìob leth oirleach air fad, a tharruing le peann mar bu chòir dhomh; ach feuchaidh mi ris. Nach e seachd puinnd agus cùig-deug a tha’n so? ’Se sin do chuid-sa dheth, ars’ esan, ach le cion paipeir freagarach, b’ éiginn domh Lachlann Mac Fhionnlaidh a chuir san aon bhoinn riutsa, ach ’s e ’n aon ni e. Cha ’n ’eil teagamh nach è, a deir mise; Ma dhìolas esan a chuid fein, cha bhi mis air deireadh. Tha mi cinnteach as a sin, ars’ an Sgrìobhair; le pheann fada cùl a chluaise, agus fiamh ghàir air a ghnùis. Thugaibh dram do Phàruig còir, agus cuiribh a stigh Lachlann. Ciod a th’ agad air, ach thainig an latha, is bha mise réidh air a shon. Ruigear fear na Craige, agus tairgear luach a mhairt mhaoil; ruig ars’ esan an Sgriobhair aig a bheil na Billichean: dhùin e ’n dorus air mo shròin, gun fheòraich an robh beul air m’ aghaidh. Cha robh comas air. Thug mi fèin am baile mòr orm, agus ràinig mi mo charaid an Sgriobhair. Bha mòd an t-Siorram gu suidhe, agus cha labhradh e focal rium gu h-anamoch. Tha ’n sruth, a deir mis’ a tilleadh agus an latha dol seachad. Ma tha, deir esan, tha latha, agus sruth eile a’ tighinn. Cha robh comas air! Dh’ fhalbh mi sa bhabhdaireachd feadh, a bhaile o uinneig gu uinneig. Fa dheireadh thachair am Maor ruadh orm, agus dh’ innis mi dha mar bha. Marbhaisg air an sgadan, ars’ esan, ’se tha saillte am bliadhna: Tha mi air mo chlaoidh leis a phathadh. Thuig mi fhein mar bha chùis, ’s gum bu luaithe deoch no sgeul. Chaidh sinn a stigh, bhuail mi fhein am bord, agus glaodhar leth-bhodach de Rum [TD 10] dearg. Fhuair mi mòran seanachais o’n Mhaor, agus gheall e dol leam ’nuair a sgaoileadh am mòd. Rinn e sin, thachair an Sgriobhair oirnn, agus ultach phaipeirean aige. Lean sinn a stigh e, agus thairg mi dha luach a mhairt mhaoil. Nach ’eil e’n sin agaibh, arsa mise, gun pheighinn a dhì air. Thòisich e air a chunntas. Chuir am Maor cagar a’ m’ chluais, Faigh t-ainm as a Bhill. Tapadh leat a deir mise. Tha do chuidse de’n t-suim an so, a deir an Sgriobhair; ach c’ àite bheil Lachlann? Is coma leam c’àit’ a’ bheil e. Biodh gach fear a’ toirt sgairbh a’ creagan dha fein; thugaibh m’ ainm as a Bhill. Sin rud, a bhobaig, nach ’eil a’m chomas a dheanamh. Tha mi faicinn gu bheil e conjunct. Ma tha bitheadh aige Ciod e sin domhsa? Nach do dhìol mise mo chuid fein deth? Rinn thu sin, ach tha thu ceangailte air son cuid Lachlainn cuideachd; agus mar bi thusa, no esan an so an ceann seachduin, cluinnidh tu uamsa air dòigh nach bi ro-thaitneach. Cha ’n ’eil comas air, a deir mise. Slàn libh! Sin a nis, a Dhòmhnuill, an lagh, as a’ bheil thu deanamh na h-uiread mhòr-chuis. DOMH. Ciod eile, ach an lagh, agus ceartas cuideachd. PARA. Cluipearachd a dhuine, agus cha bu cheartas. Nach dubhairt e’n lathair fhianuisean an là a chuir mi m’ ainm ris, Nach robh mi stigh ach air son mo chuid fein. Ach ciod e am fàth bhi gearan? Cha robh sgillinn aig Lachlann bochd air an àm, ach rainig sinn caraid nam feumach, Fear Acha-da-seillean, mac an deadh athar. Fhuair sinn air ar facal uaithe-san na thog am Bill, ach ma thog, ’s ann na chois a bha ’n sgathadh; cunntas air a tharruing a mach la dubh agus dearg, co boidheach ri aon suidheacha breacain a chunnaic thu riamh, agus os cionn dà phunnd-shasunnach de chostas. ’Sin agad a nis an lagh as a’ bheil na h-uiread thlachd agad. DOMH. Na dhéigh sin uile cha d’rinn am fear-lagha ach a dhleasnas. Bha ’n lagh air a thaobh. PARA. Bha ’n rosad air a thaobh; ach cò bu shìobhalta na e an là a chaidh mi stigh a shocrachadh ris. Is duilich leam ars esan a dhuine chòir mar thachair, cha mhaith a fhuaras Lachlann ort; ach ma thogras tu, bheir mis air na h-uile sgillinn a dhìoladh le costas. Cha ’n ’eil teagamh agam ’Ille mhaith; ach rachadh Pàra mòr a dh’ iarraidh na déirc’ m’ an leigeadh e leat dol an sàs ann an Lachlann còir. Gabh na fhuair thu, a deir mise, agus slàn leat. DOMH. Sin agad maith an lagha; ni e thusa, agus do leithid faicilleach ciod a ni sibh, gun ghealladh a thoirt nach co’-gheall sibh. PARA. Tog dheth, na cluinneam tuilleadh m’an chùis. Nan saoilinn gun ruigeadh mo ghuth gach cearnadh de ’n Ghaeltachd, o mhullach Beinn-ibheis, dhirinn i moch am màireach, agus mar so labhrainn, “Fheara, ’sa dhaoine, sibhse a tha ’g àiteachadh tir nam Beann, nan Gleann, ’s nam breacan, éisdibh ri Para mòr, oir ’s minic a thainig comhairle righ a beul an amadain. Seachnaibh an lagh. Uachdarana na dùthcha, seasaibh ’ur daoine, agus saoraibh iad o làmhaibh an luchd-lagha. Cha ’n ’eil sgillinn a bheir iad uath-san nach fairich sibhs a chall. A Mhinisteire an t-soisgeil, earalaichibh ’ur luchd-éisdeachd an aghaidh iad a dhol gu ladh, nochd- [TD 11] aibh dhoibh a chall, agus comhairlichibh iad gu sìth agus réite. A mhuinntir mo dhùthcha eadar thuath agus cheatharna, ma thig connsachadh nar measg leigibh a chùis gu ràidhe dithis de dhaoine còire. Tha uaislean fhathast ’n ur measg, a sgoilteas an lagh, agus aig a’bheil bàigh ribh, rachaibh d’ an ionnsuidh: agus sibhse a luchd-lagha, agus a Sgriobhairean, cuimhnichibh gu bheil bàs a’ feitheamh oirbh, agus breitheamh os ur ceann d’an éiginn duibh cunntas a thabhairt. T. O. AN T-SLIGHE GU BEAIRTEAS. II. Earrann. Thòisich borbhanaich mhòr am measg an t-sluaigh ’nuair a labhair fear na Crionndaich na briathran fa dheireadh,—shéid fear a shròn, ghabh fear eile greim tombaca, fear eile snaoisean, thog fear a bhoineid, agus thachais e a cheann, agus an déigh dhoibh iad fein mar so a cheartachadh, rinn iad cròileagan mu’n cuairt do’n t-seann duine chòir mar bha iad roimhe, agus ghabh esan an sin air adhart mar so: An urad so, mo chàirdean, mu dheanadas, agus mu chùram duine mu a ghnothach féin, is leòr e. Ach, a bhàrr air a bhi deanadach, cùramach, féumaidh sinn a bhi caontach, mar an céudna, ma’s àill leinn dearbh-phiseach a bhi air ar deanadas. Mur h-eòl do dhuine na gheibh e a ghleidheadh, faodaidh e a shròn a chumail ris a chloich-lìomhaidh ré a bheatha, agus bàsachadh gun pheighinn aige mu dheireadh thall. Ni ròic tiomnadh folamh’; agus ‘O’n sguir na mnathan de’n fhighe’s de ’n t-sniomhach, ’S na daoine de ghearradh na coille ’s de ’n iasgach, ’Sa dh’ fhàs iad air ti ’s air dibh laidir co miannach, ’S ioma oighreachd a chaitheadh mu’n d’ fhuaradh fo rian i’. Ma’s miann leat a bhi saibhir, smaoinich air ni chaonadh cho math ’s air nì fhaotainn. Cha do mhéudaich na h-Innsean beairteas na Spàinne, chionn gu bheil i a cur g’ an ionnsaidh na tha iadsan a’ cur g’a h-ionnsaidhse. Leigibh dhibh ur n-ana-caitheamh amaideach, uime sin, agus cha bhi urad aobhair agaibh a bhi gearain mu amanan cruaidh, air cisean trom, agus air teaghlaichean caithteach, chionn, Ni mnathan ’us ceilg, agus cluith, agus òl, An stòras ro bheag, ’us an eas’bhuidh ro mhòr. Caithidh tu na bheathaicheadh dà phàiste a’ cumail àillis ri aon mhi-bhéus. Theagamh gu’m faod thu bhi ’m barail nach mòr an ni corr uair beagan tì, beagan dibhe, beagan bìdh shòghair, no deise car rìomhach, agus cuirm bheag an dràsta ’sa rithist: ach, cuimhnich, Gun dean ioma beagan, mòran. Seachainn costusan beaga. Bàthaidh toll beag long mhòr, mar a thuirt Callum Seòlta; agus, a rìs, Cuiridh beul milis thu shireadh na déirce; agus, os bàrr, Ni amadain cuirmean, ach ni daoine glic an ithe. Tha sibh ann an so gu léir air cruinneachadh cuideachd gus tairgse thoirt air na nithean breagha ’s air na rudan rudanach a ta r’ an reic an so. Their sibh deagh-bhathar riutha, ach, mur toir sibh an aire, [TD 12] faodaidh iad a bhi ’nan droch-bhathar do chuid agaibh. Tha sibh an dùil gu’n reicear saor iad, agus theagamh gu dearbh, gun reicear na’s saoir iad na chaidh an ceannach, ach, ma’s è’s nach eil feum agaibhs’ orra, ’s éudar gu’m bi iad daor dhuibh. Cuimhnichibh ciod a thuirt Callum Seòlta, Ma cheannaicheas tu nì air nach eil féum agad, ’s éudar dhuit gu goirid do ghoireas a reic. Agus, a rìs, smuainich agad fein, mu’n gabh thu cùnnradh mòr. Se bhrigh a th’àig Callum an so, nach eil an cùnnradh cho math, theagamh, ’sa shaoilear, agus gu’n faod am bargan tuille cron na math a dheanamh dhuit, le d’ chuir ann ag ghailc a’d’ ghnothach an déis-laimh; chionn thuirt e ann an àit’ eile, ’S ioma neach a chaidh a dholaidh le deagh chùnnradh a cheannach, agus is amaideach an nì airgiod a chur amach a cheannach aithreachais; agus, a dh’ aindeoin so, tha daoine gach latha a’ cleachdadh na gòraiche so air an leithidean so de mhargainean, le bhi ’deanamh dì chuimhn air briathran Challum Sheòlta. ’S ioma neach a chùm a bhrù fein falamh, air sgàth trusgan rìomhach a chur m’a dhronnaig: ach, mar thuirt Callum Seòlta, Cuiridh éideadh rìomhach as an teine, mar a ta sìoda, sròl, scàrlaid, ’us àilleagain eile.’ Fàgaidh sioda, ’s sròl, ’us sgàrlaid Gun teine gu’n tuar an fhàrdach. Cha ’n nithean iad sin a ta féumail do’n bheatha; is gann gu ’m faodar goireasan a ràdh riù: ach, a dh’ aindeoin so, cia lionar neach aig am beil déigh orra, dìreach air chionn am bòichead! Leò sin, agus le h-anacaitheamh eile, tha na h-uaislean a’ tuiteam gu bochdainn, gus an éudar dhoibh a bhi ’g iarraidh coingheill air a mhuinntir air an robh iad roimhe a’ deanamh tàir, ach a ghléidh an làrach le bhi deanadach, caontach. Ann an câs mar so, thu e soilleir gur h-àirde tuathanach air a chasan, na duin’ uasal air a ghlùinean, mar a thuirt Callum Seòlta. Theagamh gun d’fhàgadh cuid bheag aca, nach b’fhios dhoibh cia mar a fhuaradh i. Tha iad an barail gur h-e’n lath’ e, agus nach tig an oiche tuille; agus nach fhiach e a luaidh beagan a chaitheamh-as na h-urad. Ma bhithear a’ sìr-thoirt as a chiste-mhine, gun a bhi cur idir innte, cha’n fhada gus an ruigear am màs, mar a thuirt Callum Seolta, agus an sin, ’nuair a bhios an tobar traoidhte, bigh miadh ac’ air luach an uisge. Ach dh’ fhaodadh fios so a bhi aca roimhe, na ’n robh iad air gabhail na comhairle so. Na ’m bu mhath leat fios a bhi agad air luachmhorachd an airgid, rach ’us faigh beagan de’n coingheall; chionn an neach a theid a dh’ iarraidh an iasaid, théid e dh’ iarraidh a bhròin, mar a thuirt Callum Seòlta; agus is ionan ceudna do ’n neach a bheir an t-iasad uaithe ’nuair a thig e ’ga iarraidh air a leithid so de shluagh. Tha Callum a’ toirt comhairl’ eile, agus ag ràdh, Tha uaill-mhiann an trusgainn gu cìnnteach ’na mhallachd; Na toilich do mhiann, gus am feuch thu do sporan. Agus, a rìs, Tha ’n uaill ’na bleidire cho mòr ris an easbhuidh, agus ro mhòran na’s uaibhriche. Ma cheannaicheas tu aon riomhadh, feumaidh tu deich eile a cheannach, chum ’s gu ’m bi d’ uighim uile a rèir a chéile, Ach, mar a thuirt Callum Seòlta, Is fhasa dhuit a cheud togradh a [TD 13] stamnadh, na na thig ’na dhéigh a thoileachadh: agus is co mòr an amaideachd do na daoine bochda bhi ’g aithris air na daoine beairteach, ’s ged dh’ fhèuchadh losgann ri e féin a shéideadh gu mèudachd dăimh. Faodaidh loingeas mòr dol air taisdeal fada, Ach féumaidh sgothan beaga seòladh dlù do’n chladach. Coma co dhiubh, is gòraich i so air an tig peanas obuinn; chionn, mar a thuirt Callum Seòlta, An uaill a ghabhas a diot-mhòr maille ri diomhanas, gabhaidh i a suipeir maille ri tàir. Ghabh uaill a lòn-maidne maille ri pailteas, a diot-mhòr maille ri gainne, agus a suipeir maille ri mìchliu. ’Na dhéigh so gu léir, ciod a’s féum do’n uaill-thrusgain so, air am beilear a’ cur urad an cunnart, agus a ta toirt urad, de dh’ fhulangas air mòran? Cha’n urrainn e slàinte ’shìneadh, no cràdh a lughdachadh; cha mhèudaich e toileachas an duine, tha e a’ togail farmaid, agus a’ greasad truaighe. Ach, cia cuthaich an ni e ’bhi dol an ainfhiach air sgàth an leithide sin de nithean gun fheum! Tha tairgse sèa miosan dàlach againn, air son na cheannaicheas sinn air an fheill so, theagamh gu’n d’thug so air cuid againn tighinn g’a h-ionnsuidh le dìth ’n airgid ullamh, an dòchas gu’m faodamaid rìomhadh fhaotainn ga chion. Ach, mo thruaighe! thugaibh an aire ciod a ni sibh mu’n cuir sibh sibh fein fo ainfhiach. Tha sibh a’ cur bhur saorsa ann an comas duin’ eile, le dol ’na ainfhiach. Mur bi sibh comasach air an ainfhiach a dhìoladh aig an àm shuidhichte, bi’dh nàir’ oirbh an uair a chì sibh an tagraiche; bi’dh sibh fo eagal, an uair a labhras sibh ris; gabhaidh sibh lethsgeulan truagha, tàireil, siopach, agus tachraidh dhuibh uidh air n-uigh, gu’n caill sibh cuimhne air an fhirinn, agus teannaidh sibh ri dù-bhréugaireachd; chionn mar a thuirt Callum Seolta, ’S i cheud dubhaile dol am fiachan, ’s an ath té teannadh ris na breugan; agus a rìs, Ni na breugan marcachd air muin nam fiachan—A nise cha tig do Bhreatunnach, a rugadh ’na dhuine saor, nàire bhi air roimh dhuine ta beò, no eagal a bhi air labhairt ris. An déigh dhuibh am bathar a cheannach, theagamh nach bi mòran cuimhne agaibh air a dhìoladh; ach, mar a thuirt Callum Seòlta, Is fearr meomhair luchd an tagraidh na cuimhne luchd nam fiach, agus tha iad ro mhath air an fhéill a chumhail air an latha. Thig an latha gun fhios dhuit; iarrar am pàidheadh, mu’m bi thu deas air a shon; no, ma’s è ’s gu bheil cuimhn’ agad air an ainfhiach, an dàil a shaoil thu bhi glé fhada, fàsaidh i gle ghoirid, mar is dluthaithe a theannas an t-àm ort. Saoilidh tu gu’n deachaidh sgiathan ris an aimsir. ’S goirid leòsan an Carmhus do’n eudar airgiod a dhiol air a chàisg. Tha sibh am barail, theagamh, gu’m bheil sibh an trà so ann an cor math, rathail, agus nach mòr an call dhuibh beagan ana-caitheamh; ach, Cha mhair a ghrian-mhaidne rè an là; Roimh’n aois ’us roimh’n easbhuidh dean caonadh trà. Faodaidh buannachd a bhi neo-bhunailteach, neo chinnteach; ach, ré ’ur beatha, tha caitheamh seasmhach, cinnteach; agus, Is fhusa dà theallach a thogail, na [TD 14] teine a chumail ri h-aon diubh, mar a thuirt Callum Seòlta; agus, Is fearr dol a laidhe gun suipeir na bhi ’n drip le h-ainfhiach. Is gliocas agus riasun an teagasg so mo chàirdean; ach, ’na dhêigh so gu léir, ged is gasda na nithean ’ur dichioll, ’ur caontachd agus ’ur crionnachd fein, na deanaibh tuille ’sa choir de dh’earbs’ asda; chionn faodaidh iad ’ur mealladh ’s ur milleadh gu buileach gun bheannachadh neamh a bhi maille riu; uime sin iarraibh beannachadh Dhia gu h-ùmhail; agus na bithibh mi-sheirceil ris a mhuinntir air nach eil a bhlàth gu bheil e’n dràsd acasan, ach deanaibh còmhnadh ’us comhfhurtachd riu. Cuimhnichibh gu’n d’thainig piseach ’na lorg sin air. Agus a nise, gu bhi criochnachadh Is daor an sgoil sgoil anfhiosrachaidh; ach cha’n ionnsaich amadain ann an sgoil ach i, agus is gann gu’n ionnsaich iad innte fein; chionn, Tha e fior gur comas dhuinn comhairle thoirt seachad, ged nach teid againn air giùlan a chompairteachadh, mar thuirt Callum Seòlta. Coma, cuimhnichibh so, Am fear nach gabh comhairle, gabhaidh e cònlorg, mar a thuirt Callum Seolta; agus a rìs mar h-éisd thu ri riasan, bheir e peileart dhuit anns na fiaclan.” So mar a chriochnaich an seann duine a briathran. Dh’éisd an sluagh ris, agus dh’aidich iad gu leir gan robh an teagasg réusanta, ceart; ach thòisich iad air ball ri dol calg-dhìreach ’na aghaidh, mar nach biodh ann ach searmoin chumanta. Thòisich an fhéill, agus ma thòisich, thòisich gach fear ri tairgse, ’s gach fear a strì co b’ àirde thogadh prìs a bhathair, a dh’aindeoin nan earailean a thug fear na Crionndaich orra, ’s an eagail a bh’orra fein as na cìsean. Bha mise gle uallach a bhi cluinntinn m’ainm fein cho tric ’ga luaidh aig an t-seann duine chòir, ged a bha fhios agam nach ann am cheann fein a choinnich trian a ghliocais air son an d’thug e dhomh creideas. Coma, smuainich mi agam fein nach cuirinn a chuid comhairlean ri m’ chluais, agus ged a bha rùn orm aodach còta a cheannach air an fheill ’nuair a dh’fhag mi ’n tigh thainig fotham ri linn seanchas fir na Crionndach, gun caithinn mo shean chòta treis eile, agus sid ri siubhal mi. A léughadair, ma ni thusa a leithid cheudna bidh urad bhuannachd agad ’sa bha aig do sheirbhiseach dìleas. A. B. R. CALLUM SEOLTA. ORAN AN EARRAICH. An toiseach an Earraich bidh an t-òran a fas, Mar chinneas na lusan am broilleach a bhlàis: Tha Nàdur fas ait, dh’ fhalbh aobhar a leòin, Nach cluinn thu na Ceileirean sheinneas na h-eòin! Tha ’n Geamhradh a teicheadh o’n deas chum an Tuath, ’S an àite fuachd feannach am blàs faotuinn buaidh; ’S na buidh’nean chlach mheallain bha sgaiteach o chéin, Air leaghadh gu tlàs ann an deàrsa na gréin, [TD 15] Tha a Ghrian nis a’ sgaoileadh a gairdean a mach, O’n Ear gus an Iar tha i ’g iarraidh mar theach; ’S an t-sòbhrag bha greis uainn a’ folach a cinn, Le caomh mhais a breacadh nam monaidh ’s na glinn. Ach Earraich, ged chaidh uait na baideil air chall ’Sa dh’ fhàg iad an Ard-thìr is còmhnard nan Gall, Dean faicill mar ghaisgeach, na smuainich air suain, Mu’m pill iad mar fhithich a mhilleadh nan uan. Tha’n t-oirein gun euslain a’ reubadh nan cnoc, ’Sa tiunnda’ nan neoinean measg ùir anns a ghlaic; Fear eile gu sùrdail a sgapadh an fhrois, Agus each is cliath-chliata nan deann aig a chois. Tha bàr-gucag an Fhoghair ag at air a chraoibh, Is lì uaine an Earraich a’ sgaoileadh gach taobh; Tha’n tom-seangan a gluasad, ’s a chuileag gu mear, A dannsadh ’sa ghrian-ghath tha sìneadh o’n Ear Tha ’m foghnan a sìneadh a shleaghan amach, Toirt dùlan do’n Gheamhradh ris pilleadh gu theach. Cha’n ioghnadh leam idir mar chinneas am feur, Tha grian anns an linne, ’s aon eile ’s an speur Tha choill a bha lomnochd, a’ feadail ’sa ghaoith Ga còmhdach’ le duilleach, is blàithibh gach taobh Is taitneach an sealladh bhi ’g amharc a suas, Is srannan an t-seillein a seirm ann am chluais. S an Atha na h-ĕisg tha ri mireadh gun chlos, ’A sireadh nan cuileag taobh geal-bhuinne cas; ’S cu-donn air scòr craige air chrith gu bhi shios, An doimhneachd an aigein thoirt bradain a nìos. Tha ghobhar a faochnadh ri aodann a chnaip, A teagasg d’a minnean an ealain air streap; Agus uan a sior mhireag mu’n cuairt air a phreas, ’Sa mhàthair ga shireadh mu bruachaibh an eas. Air ard uilinn Chruachain tha gluasad nan eun, Am fitheach, an croman, ’s an iolaire threun; ’S gu mo cluasaibh tha tighinn ard langan an fhéidh Is ceòlan na h-ainnir ’s i leigeil na spréidh [TD 16] Tha ghrian nis air luidhe air Earrach an àigh, Is e le aoidh dol a liubhairt na h-àil suas do Mhàigh’. Chi mi’n Samhradh a tighinn air uilinn nan càrn S gàir ait anns na gleannaibh, ’s an coille Mhuc-càrn!’ O. T. Bruach ruadh, 31 la de’n Mhart 1830. EARBSA AN CRIOSD AIRSON CUIDEACHADH TIMEIL AGUS SAORSA IOMLAN. An-earbsa bi siubhal, Mo Shlan’ear tha m’ chuideachd, ’S e toileach, is murrach, ’S ni m’ fhurtachd a ’m fheum: Sior ghleachdainn le h-ùrnuigh, S ni esan an tùrn domh, Le Criosd ’g am shìor stiùradh Cha chùram leam bèud. Ged is doilleir an ròd domh, ’Ghnàth géilleam d’a òrdugh ’S ni esan mo sheòladh, ’S bheir lòn domh gun dì: Ged fhaillnich gu buileach Gach creutair ’s a chruinne, Thig ’fhocal a thuirt e, Cha chunnart gu crìch. Tha ’ghràdh ’bha roimh caoin domh A’ bacadh dhomh shaoilsinn Gu’m fag e ri m’ shaogh’l mi Am aonar gun taic: Tha h-uil’ Ebenéser, Mar chuimhneachan féumail, Gràdh “thug ’s bheir E Féin as Gach éiginn mi mach.” Gu m’ aiseag gu slàinte, Chaomh-fhair e mo ghnàthachadh, Tràill Shatain ’nuair bha mi, Ag ābhachd ri sgrios: ’S an d’ rinn e mo threòrach ’Chur annsan mo dhòchais, ’S am fàg e gu brònach An dòruinn mi nis? C’uim bhithinn fo’ an-tlachd ’Thaobh easbhuidh no àmghair? Gach trioblaid am chrannchur Roimh laimh nochd E Fein: ’S tre thrioblaidibh goirte, Mar ’s fios domh o ’Fhocal, Tha oighreachan sonais ’Ceum lorgach an Trèath. Cho searbh ’s a bba’n cup sin Cha bhreithnich aon duine, ’Dh’òl Iosa gu h-uile, A’ fulang ’n ait dhaoin’! B’i ’shligh’se bu dhoimich’ ’S bu sheirbhe gun choimeas: O anam, faic ’fhoighdinn! ’S o ’oideas na claon. O’n dh’aomas a fhreasdal Gach aon ni gu m’ leas domh, Is milis a mheasam Searbh leigheas uaith Fein: An dràsda an airceas, Ach ’n aithghearr an aiteas ’S an sin, O cia taitneach Buaidh-chaithream a sheinn! Ead. LE DONN-SHUIL. Tobar-mhuire 1829. [TD 17] BRON A CRIOSDUIDH. Salm cxix, 158. Chunnaic mi luchd-easaontais agus bha doilgheas orm. Mo smaointean tha fo bhròn, ’S beag air sòlas mo luaidh, Mo chridhe tha ’ga leòn, Agus deòir air mo ghruaidh, Bhi ’faicinn, gach aon lò, Dol an t-sloigh pheacaich, thruaigh,— ’Se nach urrainn mi g’am fòir Tha ’cur beo-ghuin ’nam smuain. Tha ’n saoghal ’ga aonairt An aolach ’s an gràin; Tha daorach, ’us draosachd, ’Us baobhachd ’s gach àit’; Tha Dia ’s am Fear-saoraidh Gach aon la ’gan cràdh, Leis na daoine tha ’g aomadh ’Nan sraon chum a bhàis! Cha’n fhiŭ leotha gaol An Fhir-shaoraidh no Dhé! Ach ’s fiù leo an saoghal! Se ’fhaoineis an spéis! Gur saoithreach iad, daonnan, ’Nan saod-ruith na dhèigh, Ged ’se caoir-lasair ’s braoin Ghoirt luach-saoithreach na réis! Mo Dhia! leam is truagh so Mu’n cuairt domh ’nuair chì Mi buaireadh, ’us tuairgneadh, ’S an sluagh dol a dhĭ! Tha bruaidlein ’us uamhas Gach uair air mo chrì Iad bhi suarach mu’n Uan Thogadh suas chum an sìth! Ghuilinn agus chaoininn G an saoradh o’n bhàs; Ach tuireamh cha dean faochadh, ’S gur faoin domh mo chràdh; Mur sìn thu féin do ghairdean, Cha’n fhaod iad bhi slàn. O! tarruing iad le gaol riut, S le caomhnachd do ghràis! A. B. R. COR LUCHD AITEACHAIDH INNSE NA H-AIRD AN EAR. A Theachdaire Ainmeil, Fuilingibh dhomh cor luchd aiteachaidh Innse ’na h-àird an Ear a leigeadh ris do’n luchd dùcha ionmhuinn, oir tha fhios agam gu bheil moran diubh aig nach eil am beachd a’s lugha air. Tha’n t-Olla urramach agus ar fear-dùcha fein Claudius Buchanan ag innse dhuinn gu bheil na miltean agus na muilleana ann an Asia nach cuala riamh iomradh air an Dia bheò, no idir air a Mhac Iosa Chriosd, ach a ta sleuchdadh do iomhaigh bhréige, obair lamhan dhaoine! Chunnaic e le shùilibh fein mìltean a thainig, cuid diubh asdar dà mhios le’m mnaithibh agus le’n cloinna dheanamh aoraidh do’n ìomhaigh Juggernaut! Mar is coltach anns an dùthaich theith sin tha na ceudan a’faghail a bhàis air an turus mhuladach so, agus air an itheadh le eòin agus le coin mu’m buileach a bheir iad suas an deò! Chum an dia bréige thoileachadh tha mòran diubh ’gan leigeadh fein nan sìneadh air an làr gus an teid cuibhlean an tùir anns am bheil an iodhail thairis orra agus a’ marbhar iad! Tha e mar chleachdadh aca cuideachd ’nuair a shiubhlas fear-pòsda a bhantrach bhèo a losgadh maille r’a chorp, agus so le làn toil na bantraich fein! Chaidh còrr a’s dà cheud a losgadh beò air a mhodh so anns a bhliadhna 1803, mu astar dheich-mile-fichead m’an cuairt do Chalcutta; agus an ath leith- [TD 18] bhliadhna cuig-fichead ’s a cuig-deug! Tha so gràineil da-rìreadh ach co air nach tig gairisinn ’nuair a chluinneas e gu bheil moran de na Hindoos aig am bheil a ghnà’s an leanaba nighean a mhort cho luath ’s a bheirear iad, agus gur h-iad na màthraichean, am bitheantas, le’n lamhaibh fein a ta ’ga dheanamh! Ann an iomadh àite cha’n eil prìosanach a theid a ghlacadh an cogadh nach marbh agus nach ith iad: cha’n e mhàin, ach nuair theid neach o fheum, le sean aois, theid a chasgradh, agus itheadh le ’chairdibh is dillse, agus sin air iarrtas fein! O! ’Leughadair! an tug thu riamh taing do Dhia o d’ chridhe gu’n d’ rugadh tu ann an tìr nam beann—ann an Gaeltachd na h-Alba? Mar tug O! dean a nis e, ’s dean gu tric e. O! thusa ’ta cleachdadh ùrnuigh, an d’ asluich thu riamh le dùrachd anama gu’n cailleadh Sàtan a chumhachd os ceann nan cinneach agus gu’n tigeadh rìoghachd Mhic Dhe? Mar d’ asluich O! dean a nis e,—dean gu tric e. Codhunaidh mi’n litir so a Theachdaire rùnaich le sgeula beag fior mu dhithis òganach mheasail, Abdiel agus Sabat, o theaghlaichibh àrd agus urramach ann an Arabia. Chaidh an oilean le cheile an creidimh a chriosd-bhrèige Mahomet, agus, o bha iad le cheile beartach agus diomhanach smuainich iad dol air chuairt, chum sealladh fhaotainn air an t-saoghal. Air an cuairt rainig iad àite ris an abrar Cabul. Anns an àite so fhuair Abdiel post ard fuidh righ na dùcha, ach ghabh Sabat air aghaidh gus an d’rainig e Tartari. M’un robh Abdiel fad ann an Cabul chaidh iompachadh a chum a chreidimh Chrìosduidh le Biobull a thainig ’na rathad; chum e inntinn dha fein cho fad ’sa b’urrainn da, oir bha fhios aige nach robh ach am bàs roimhe do reir lagha na rioghachd nam faighte ’mach mar bha. Ach cha robh e ’na chomas inntinn a chleith fada; ’nuair a lasar an cridhe le ola nan gràs feumaidh gun dealraich e’n dorchadas,—cha robh e comasach do Abdiel cràbhach cuir suas le luchd iodhol-aoraidh gun an cronachadh: se rìnn e, uime sin, mhùth e ’eudach, theich e ’chum nan eaglaisean Crìosduidh, agus bu cham gach rathad dha gus an d’rainig e baile mor Thartari, far an do choinnich a sheana chompanach Sabat e. Thainig e gu cluasaibh Shabait gu’n do dh’ atharaich e a chreidimh agus gu’n tug e chasan as, agus cha bu mhò leis na bhi toilichte. Chunnaic Abdeil a chunnart agus thilg se e fein air tròcair Shabait: dh’innis e mar dh’oibrich an Spiorad Naomh air a chridhe agus ghuidh e a leigeadh as le ’bheatha air sgà an t-sean chairdeis. Ach cha robh truas no tròcair aige r’a fhaotainn o Shabat, thug e mu’n ear a ghlacadh agus a thoirt a mach, agus chruinnich am baile mar aon duine na aghaidh. Thairgeadh a bheatha dha nan àicheadh e Criosd. “Cha’n àicheadh,” ars’ esan, “cha’n urrainn mi àicheadh, ’s e amhàin cuspair mo dhòchais.” ’Nuair a chual iad so ghearr iad aon de ’lamhan dheth o chaol an dùirn. Thairg leigh a bha làthair air iarrtas an rìgh a leigheas, air chumhnant e dh’àicheadh a chreidimh. Do’n cheist so cha tug e freagairt, ach cosmhuil ri Stephen beannuichte, dh’amhairc e gu seasmhach ri neamh, mar gum biodh e ’g ùrnuigh as leith a naimhdibh aig nach robh fios ciod bha iad a’ deanamh:—ghearr iad an sin an [TD 19] làmh eile dheth, ach cha d’thainig atharrachadh air. Sheall e le sealladh lan gràidh agus maitheanais air Sabat a bhrath e; agus nuair a chunnaic an co’thional e cur amhach air an ealaig, chu’m gu’n sgairte cheann o cholainn bha iad làn ioghnaidh, agus shaoileadh neach gu’n robh e ’gan cluinntinn ag eigheach Is ni ùr so. Shaoil Sabat an toiseach nach biodh a charaid cho dileas d’a aidmheil ’s am bàs fhulang, ach ’nuair chunnaic e mar thachair thuit e fuidh liunn-dubh, agus agartas coguis, mar Iudas eile; agus cha bu tàmh no fois da ach sìos a’s suas ag iarraidh fois nach robh r’a faotainn. Ma dheireadh rainig e Visagapatam, far na thachair an Tiomna Nuadh ris ann an cànain na h-aird an Ear. Leugh se e le mòr chùram agus iomguin agus chunnaic Spiorad nan gràs iomchuidh a shuilean fhosgladh cosmhuil ri Saul o Tharsus, chum an creidimh a bha e aon uair a sgrios a sheasamh a nis mar dheadh shaighd’ear! Beagan na dheigh so chaidh e h-uile ceum gu Madras, astar thri-cheud-mile, chum a bhi air a bhaisteadh, agus tha e nis a’ searmonachadh an t-soisgeil, agus ag eadar-theangachadh nan sgriobhtur gu cànainean rioghachd Phersia. AN GAEL ANNS A BHAILE. Glaschu, 1830. TURUS CUAIN PHOIL. Ma’s eiginn gu’n teid Pòl do’n Ròimh, Cha’n aobhar oillt dha’n cuan; Oir tha e, tearuint air gach laimh Le òrdugh Dhe nach gluais. Ged chaidh an long san robh e luasg, ’S an doininn chruaidh a bh’ann, An gealladh thar gach ni thug buaidh, ’S cha deachaidh h-aon a chall. Iosa! an Dia d’am buineadh Pòl, A dh’fhuasglas anns gach cruas; Dh’ aidich gach aon a bha san luing, Mar chobhair dheas san uair! Ged nach robh ghrian no reultan ris Bha earbsa Phòil an Dia; ’S ghleidh creideamh anam ciùin gun sgàth ’Nuair chrithich càch le fiamh. Na naoimh mar so tha air an luasg Air chuan na beath’so bhos; Ach gràs tha deanamh cinnteach dhoibh, Gun ruig iad caladh fois. Tha ’n latha tighinn anns an seas Iad uil’ aig cathair Chriosd; ’S bidh ’n stoirm’ a th’ aca leigeil ris A chumhachd mor ga ’n dìon. Na’n cuairt a dol roimh’n bheatha so Bidh aca iomadh gà’dh; Tha ’n saoghal an dùil gun teid an call, Ach ’gleidhidh Ios’ iad slàn. A Dhe ged ’s cnuimhe sinn tha faoin Tha ’d fhocal naomh ar dòigh, ‘S thĕid sinn roimh mhìle stoirm a chum, Gun ruig sinn thu fadheòigh. Ead. le S. C. Mu bhi toilichte le ’r crannchur. Ann an séimh abhuinn bhòidhich bha tri briceanan lurach air fiamh an airgid. Ge nach robh easbhuidh ni air bith orra, dh’ fhàs dithis diubh neo-thoilichte le ’n staid, gun bhi ’gabhail tlachd ann an aon ni a bha iad a’ mealtuinn, agus do ghnà an tòir air ni- [TD 20] eiginn a b’ fhearr. Chum peanas a dheanamh orra, leis-san a rinn iad; chaidh a ràdh riu, gum faigheadh iad gach ni bu mhiann leo. Thoir dhomh, a deir am fear bu shine, sgiathan mar tha aig eunlaith an athair, agus an sin bithidh mi làn-toilichte. Fhuair e sin, agus ghabh e môr-thlachd ann a’ bhi falbh air iteig. Dhìrich e ro àrd, agus dh’ amhairceadh e sios le tàir air uil’ iasgaibh an domhain, Leumadh e thar muir agus monadh, gus an d’ fhàs e sgìth agus fann le cion bìdh, thainig e nuas chum an làir chum lòn fhaotainn. Dh’ éirich dha gur ann a theirinn e a measg chreagan agus gaineamh gun bhrìgh, far nach robh a bheag r’a itheadh no r’a òl. Agus mar so chriochnaich e a bheatha ann an truaighe mhòir. Thuirt an dara bricein, cha ’n ’eil mo dhéighs’ air sgiathan gu triall air turasaibh cunnartach, far nach fios domh ciod a thachras orm: bhithinn làn thoilichte nam b’aithne dhomh cionnas a sheachnainn innleachdan dhaoine agus cunnartan baoghalach eile. Chaidh inntinn a shoillseachadh anns a chùis so, agus thuirt e ris fein, is mi a nis an t-iasg is sonadh a tha san abhainn. Chum se e fein as gach gàbhadh. ’Nuair a chitheadh e cuileag a’snàmh air uachdar an uisge, no baoiteag a’dol sios leis an t-sruth, cha robh chridh’ aige greim a dheanamh oirre, air eagal gum bitheadh dubhan annta. Mar so chum se e fein fo ghnà-iomaguin, gun bhiadh gun chodal, m’ an éireadh sgiorradh dha. Struigh e o là gu là air falbh, agus fa dheireadh le eagal a bhàis, bhàsaich e am’ bàs bu deacaire fhulang. Thuirt am breac a b’ òige, gun robh e fein toilichte le chrannchur; agus nach robh toil aige ach a bhi gu ciùin sàmhach, agus striochdta le uile neart do thoil a Chruithfhear. Mar so bha ’m breac beag a cosg a laithean gu sìochail suaimhneach; bha e do ghnà taingeil toilichte ge b’e ni a thigeadh air. Ann an aon fhocal, b’e bricein bu shonadh a bha san abhainn; a chionn gur e bhi toilicht’ agus striochdta do thoil a Chruithfhear na nithe is cumhachdaich ann an sonas mhic an duine. P. M‘F. CEALGAIREACHD AIR A LEIGEADH RIS. No Gaol an t-saoghail air a chronachadh Mar so, deir fàidhe mòr na Tuirc’ “Tha earruinn shonraicht de na mhuic ’S ma thach’ras e aig àm air bith, Gun ith feur leanmhuin ormsa dh’d Sàsuichte, na ocrach ’s aon chuid e, Iomsgarar e a mach à neamh.” Cha d’ innis Mahomet mar so, Am ball bha glan, na ’m ball nach robh; [TD 21] Nam biodh e air deanamh sin, Dh’ itheadh iad a chuid bha glan; Ach air son earruinne, shaoil iad cruaidh A mhuc gu leir a bhacadh uath; ’S dh’ fheuch iad gach doigh gu dheanamh mach Cia ’m ball bha aig an fhàidh ’n a bheachd. Do thŏisich iad o sin a mach, Ri connsach stri is easaonachd. Roghnuich a bhuidheann so an druim, ’S fearr leis a bhuidheann ud a bhroinn, Cuid eile leis am fearr an ceann, ’Their nach ’eil cron na peacadh ann. Dream eile (càirdean do na Băirde) Tha ’g àicheadh so ’s nach creid gu brath e Gu bheil ’s an iorball lochd air bith Is uime sin gu feud iad ith’— Mar so, le coguis saor o shrian Gun eagal roimh Fhàidh’, na fiamh, Tha na Mahometaich gun sgàth, Aig itheadh suas na muic’ gach tràth, A Chriosduigheanm tha sibh ri gàire, Ruibh fein ma seadh an sgeula càireamh, ’S feoruichibh ri ’r cridhe fein, ’M bheil sìbhse a’ deanamh mar an ceudna. “Tréigibh an saoghal” Dubhrar ruibh,— “Tha Sinne a’ deanamh sin deir sibh— ’M feadh sa tha fear ’n ’ur measg a’ cluintuinn Gur neo-chinnte dha bhi cluith air chairtean; Fear eile thug do chleasachd toil, Nach creid gu bheil innt’ beud no cron; Fear leis an caomh bhi ’g éisdeachd ciùil, ’S fear bhi falbh le gunn ’as cù, Fear leis am fearr bhi ruagadh féidh, ’S fear bhi ruith air seang-each réis, Mhuc mhor an t-saoghail, taid mar so Ag itheadh suas gu léir gach lò, Air nàbuidh chuir gach fear diubh beum! Ach ’s toigh leis caob cho maith ris fein. Ead le OIGFHEAR. URNUIGH FEAR NAM MIONN, NO A mhionnan air am mìneachadh. An e! gun dean fear nam mionn ùrnuigh! Ni, co dhiubh a shaoileas tu e no nach saoil, cha ’n ’eil guidheachan a their thu nach ùrnuigh a th’ ann,—ga leigeadh gu [TD 22] ràidhe an De Naomh Uile-chumhachdaich, a tha thu mar so co dalma is ainm naomh a luaidh ann ad bhilibh an-diadhaidh. Agus ciod air leat, Fhir nan guidheachan, a tha thu ’g iarraidh, ’nuair a tha na mionnan oillteil sin a’ruith co dlù o d’ bheul, eadhon sgrios, sgrios-siorruidh? Bi air bhall-chrith, a Pheacaich, am feadh a dh’ innseas mise dhuit Gu bheil dà sheadh aig t-urnuigh: An toiseach tha thu ’guidheadh, gu ’n caille tu sonas siorruidh! Agus a rìs, gun tuiteadh tu ann an truaighe bhith-bhuan! ’Nuair a ghuidheas tu Leir-sgrios ort fein, Nach ’eil thu ann an seadh ag ràdh mar a leanas? “O Dhe! tha thu comasach air peanas siorruidh a dheanamh orm ann an Ifrinn: uime sin, na biodh a h-aon de m’ pheacaidh air am maitheadh! Ach biodh gach bòid a thug mi, gach breug a dh’innis mi, gach Sàbaid a mhi-naomhaich mi, agus gach peacadh a chuir mi an gniomh, an smuain, an guth, no an deanadas, ag éiridh suas ann am breitheanas a’m’ aghaidh, chum m’ fhàgail fodha gu siorruidh. Nior robh am feasd co’-pairt agam de d’ shlainte. Gun robh m’ anam agus mo chorp a dh’ easbhuidh gach sonais, an dà chuid sa bheatha so, agus anns an ath-bheatha! Na faiceam do ghnùis am feasd ann an sìth; nior mheal mi gu bràth do dheadh-ghean, no do chairdeas; agus na racham a choidh a steach do rioghachd nèimh!” ’Se so a cheud seadh a th’ aig t-ùrnuigh—Cluinneamaid an dara seadh. “O Dhe, gu’m bitheam, cha ’n e mhàin, air mo dhruideadh a mach a nèamh, ach air mo dhruideadh a stigh ann an ifrinn! Gun robh uile bhuill mo chuirp le cràdh neo-chrìochnach, agus uile cheud-faithean m’ anama air an claoidh le uamhann agus eadòchas siorruidh! Gun robh mo chòmhnuidh ann an duibhre dorchadais, agus gu ma h-iad is companaich dhomh daoine malluichte agus deamhuin! Taosg a nuas orm do dhibh-fhearg is caithtichte; cuir an gniomh orm t’ uile chorruich agus do mhalluchd; cuir an òrdugh t-uile uabhais ann am aghaidh; agus socraicheadh do chorruich gharg, theinntich, agus eagallaich orm! Bi a’d’ nàmhuid shiorruidh dhomh, agus dean peanas bith-bhuan orm, agus claoidh mi gu suthain agus gu neo-chriochnach ann an Ifrinn!” A pheacaich nam mionn, ’Si so t-ùrnuigh!!! O! guidheachan eagallach! O! uabhas nan uabhas! An caomh leat t-ath-chuinge? Gabh beachd oirre A’ bheil thu d’a rìreadh a’d’ ùrnuigh, no an ann a tha thu ri fanoid air Dia? A’ bheil do dhéigh air Leir-sgrios? An caomh leat cràdh siorruidh? Ma tha mionnaich romhad. Mar is mò a mhionnaicheas tu, ’s ann is mò do thruaighe; agus theagamh is luaithe a ruigeas tu Ifrinn.—A’ bheil sgreamh ort ris a chainnt so? A’bheil e cur déistinn air t-anam? A’bheil t-fhuil a’ fionnarachadh a’ d’ chuislibh? A’ bheil thu mothachail air olc mionnachadh mi-naomha? Cia liugha uair a thug thu toibheum do Dhia Nèimhe? Nach iomad uair a ghuidh thu air Dia do sgrios ann am bliadhna, am mìos, ann an aon là? Ni h-eadh, ach nach iomadh uair a ghuidh thu ann an ùine aon uair gun rachadh do sgrios? Nach ’eil thu fhathast ann an Ifrinn? Gabhaibh ioghnadh O! Nèamha, agus biodh iongantas ort O! thalaimh, ri maitheas agus fad-fhulangais an De sin a tha luchd nam mionn a’ mi- [TD 23] naomhachadh co uamhasach. A pheacaich, bi taingeil, nach do fhreagair Dia t-ùrnuigh! t-ùrnuigh eagallach; gun do chum Dia air ais iarrtais do bhile neo-ghloin! Na cluinneadh e am feasd tuilleadh mionnan o d’ theangaidh mhi-naomha, air eagal gur iad do chainnt dheireannach air thalamh, agus gu ’m faigheadh do ghuidheachain am freagradh ann an Ifrinn. O! biodh do mhionnan air an tionndadh chum asluchaidh! Gabh aithreachas, agus pill a dh’ ionnsuidh Chriosd, a chaidh gu bàs air son a luchd-casgraidh. Agus an sin, (ged a mhionnaich thu a choilion uair ’sa tha reultan san speur, agus gaineamh air tràigh na fairge,) tuigidh tu mar aobhar gairdeachais shiorruidh, gu bheil gràdh gu leoir na chridhe, agus tairbhe ni ’s leoir na fhuil, a mhaitheadh do pheacaidh, agus a chum t-anam a shàbhaladh.—A pheacaich! an comasach dhuit Dia agus Slanuighear mar sin a mhi-ghnàthachadh? Nach ’eil do choguis ag ràdh Nior leigeadh Dia? Eadhon mar sin, Amen. Ead. le P. M‘F. CRON DIUBHALACH DIBHE LAIDIR “Is anaoibhin dhoibhsan a dh’ éireas gu moch ’sa mhaduinn, a dhol an dĕigh dibhe laidir.” Isa. 5. 11. Tha ’n earrann so de ’n fhocal naomh a’furan air n-aire chum cùis m’an ainmig a chluinnear o’n chrannaig. Cha robh am peacadh d’a bheil am fàidh ’an so a’ faighail coireadh, iomraiteach am measg muinntir a dhùchadh, no idir r’a linn fein: Dh’ fheudta nach robh e sonraicht air aon àm no aig sluagh sam bith. Ach cia air bith mar tha sin, cha chuir aon neach an teagamh nach ’eil an cronachadh ann an sanus a tha air ainmeachadh fior fhreagarach d’ ar linn fein. Cha ghnothach ùr, san t-saoghal thruaillidh so, gu’n rachadh mi-dhiadhachd am meud an cois soirbheachaidh. Tha’m fonn is fearr a’ giùlan an luibh is gairge. Tha mi-bheus dhaoin’ a’ fàs ni s mò ann am meadhon lanachd agus pailteis Cha’n ion domh ’ur n-aomadh, gu beachd a ghabhail air an Eiphid ’s air Sodom, chum nithe fhaotainn a dhearbhas a chùis so. Fosglaibh ’ur sùilean, agus tha ’n dearbhadh far comhair; dearbhadh a tha ’g éiridh o gach cearnadh agus baile ’n ar dùthaich; dearbhadh a dhùisgeas suas ’nar n-inntinn, an da chuid geur-mhothachadh agus oillt. Cosmhuil ris gach cleachda eile air a bheil daoine toigheach, tha leithsgeul mi-mheasarrachd gu minic air a ghabhail fo ainmean ciatach agus tlà. Ach ’se ’n t-ainm ceart air legion. Cha ’n aithrigh e air leithsgeul ach air achmhasan. Feudar gu cothromach a ràdh, gu bheil e san tìr so na nàmhuid ni’s mò do bheatha agus do shonas dhaoine, na cogadh, gorta, agus plàigh. Nach lionmhor iadsan a rugadh le tuigse agus toinisg, a rinn e nan amadain! Nach iomad fear saibhir agus feumail a thionndaidh e gu bhi nan neo-dhaoine mi-mheasail! Nach iomad teaghlach a dh’ fhògair e o’n ionadaibh còmhnuidh chum na sràide; o phailteas gu bochduinn agus gu truaighe! Ach, ’s ann a tha e do ghnà ag éiridh suas m’ar timchioll, agus ag at suas mar thuil. Tha e cur an aghaidh gach ùghdarrais agus eireachdais. Tha e sguabadh air falbh ar n-òigridh ann am mi-chliu chum na h-uaighe. [TD 24] Tha e bagradh leir-sgrios a tharruing air ar deagh-bheus, agus air ar reachdan urramach suidhichte. Gun teagamh tha ’m peacadh so ni’s mò an aon àite na ann an àit’ eile, ach is cùis eagail e ge b’e àit’ anns am bi e. Tha iomad aon a tha’n déigh air deoch làidir air a chumail an cleth rè ùine mhòr fo riaghailt shuidhichte, ’s gur gann a bheir iadsan is eolaich umpa fainear e. Air uairibh tha’n cìocras air a shàsuchadh, ach air dòigh co faicilleach, ’s gun teagamh, rè bhliadhnaichean, nach ’eil dochair air a dheanamh dhoibh—no idir amharus air a dhùsgadh ann an càch. Ach a chuid a chuid fàsaidh an togradh so tuille’s laidir. Rè seal, theagamh gur leòir leis aon sgailc anns a mhaduinn. Gun sgàth air roimh chunnart, tha a chìocras a’ meudachadh le cleachda; gus am fàs e, mar tha ’m fàidh gu drùighteach ag ràdh, dêigheil air deoch laidir. Gu mall, ach cinnteach, tha ’n cleachda a’ dol air aghaidh, ga fhadhairt fein ann an co’-dhealbh an duine, tha e air mhisg air an t-sràid, gun umhaill do nàire no dh’ agartas-coguis; tha e air call a chàileachd, a theanga ’sa thoinisg—ann an aon fhocal, tha e caillte:—a shlainte, a mhaoin, a chliu, a chorp agus anam air an leir-sgrios. Théid a chuid eile dheth so san ath Theachdaire.—P. M‘F. NAIGHEACHDAN. Is ann air an là fa dheireadh de’n Mhios a chuirear a so suas a mach an Teachdaire ’an àit a cheud là. Cha’n eil ùin againn air naigheachdan a chur san àireamh so, ach a mhàin naigheachd is taitneach leis gach aon neach, gu bheil ar deadh Righ a’ dol ni ’s fearr; agus tha dòchas againn gu’n caomhainn am freasdal duinn e, gus am bi e na sheann duine. FOCAL SAN DEALACHADH. Le lionmhoireachd ar Càirdean cha’n urrainn duinn air an àm freagradh a thoirt orra, ach bheir sinn oidheirp air san ath-Theachdaire. Mìle taing do Bhodach nan Noigeanan. D. Maclure, Printer, 56, Trongate, Glasgow. [TD 25] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS MEADHONACH AN T-SAMHRAIDH. XIV. AIREAMH. 1830. MU’N ULLACHADH A THA IOMCHUIDH FA CHOMHAIR TEACHD CHUM SUIPEIR AN TIGHEARNA. Amos, iv. 12. “Ullaich thu fein gu còdhail a chumail ri d’ Dhia, O, Israeil.” DH’FHEUCH sinn anns an àireamh fa dheireadh de’n Teachdaire, nàdur Sàcramaid na Suipearach a’ leigeadh ris, agus cia mòr ’s a bha e mar fhiachaibh air gach neach d’a bheil gràdh do’n t-Slanuighear bheannuichte, co’-pairteachadh de ’n òrdugh naomha sin. Is muladach, gu dearbh, ri thoirt fainear a liugha h-aon, a chriothnaicheadh le h-oillt roimh Chriosd àicheadh, no a chantuinn nach robh spéis no suim aca dheth, gidheadh a tha o bhliadhna gu bliadhna a’ deanamh dearmad air an òrdugh naomha so, a dh’àithn e dhoibh a choimhead mar dhearbhadh air an gràdh dhà. Ach ged is e dleasnas gach Criosduidh ùmhlachd a thoirt do àithne dheireannach ar Slanuighir, tha e iomchuidh gun rannsuicheadh gach neach a chor fein, agus gun iarradh iad an t-ullachadh sin a dh’ fhâgas iad nan aoidheannan taitneach aig a chuirm spioradail so. Tha ullachadh feumail, agus uil’ iomchuidh. Ann an leughadh no ann an éisdeachd an fhocail, ann am feitheamh air Dia ann an aoradh follaiseach no teaghlaich, tha e ceadaichte do Chriosduibh agus do pheacachaibh suidhe le chéile; ach mu thimchioll bord an Tighearna tha freiceadan naomh air a chàramh, agus ma tha ’dhànadas aig neach sam bith teachd air aghaidh as eug’ais trusgan na bainnse, tha e ’g ith’ agus ag òl breitheanas dha fein. Ann an gairm air peacaich teachd a dh’ionnsuidh Chriosd, cha’n’eil e comasach do mhinisteiribh an t-soisgeil, an cuireadh fialuidh farsuing a dh’ earbadh riu, a dheanamh ni’s coitchionna na tha saor-ghràs Dhe ann an Criosd ga fhàgail, gun eadar-dhealachadh a chur eadar duine agus duine. Tha iad r’an guth a thogail gu h-àrd, agus éigheach air gach neach air a’bheil tart iad a theachd chum tobar nan uisgeacha beo; tha iad ri innse do’n t-sluagh, Gu bheil an Spiorad agus a bhean nuadh phòsd’ ag ràdh riu, iad a theachd; agus ge b’e neach a thig nach cuirear air chor air bith cùl riu. Tha iad ri chur an céill gun [TD 26] sgàth, Gur e beatha nam peacach is gràineile teachd chum Chriosd co maith ris na daoin’ is fearr; co maith ri Pòl, no Peadar, no Eoin; seadh, gur e am beatha gu uile shaibhris dho-rannsachaidh Chriosd, co maith ri spioradaibh nam fìrean chum sochairean nèimhe. Seadh tha iad ri dol a mach gus na rathaidibh mòra agus na gàrachaibh, agus daoine cho’-éigneachadh gu teachd a steach, cha’n ann gu dearbh le ainneart chorporra, ach an toil a chosnadh, an tàladh, agus an dara laimh le cuireannaibh agus tairgsibh an t-soisgeil, agus air an laimh eile, uamhasan an Tighearn a chur fa’n comhair, air chor ’s ma dhiultas iad teachd gu Criosd, nach ann gun chuireadh. Ach, ged a tha an cuireadh chum teachd gu Criosd coitchionn, is iadsan a mhàin a ghéill do’n chuireadh sin, agus an lorg sin a tha nan deisciobuil da-san, ris an gabhar aig bord an Tighearna. ’S iad so a mhàin is urrainn a bhàs a chuimhneachadh leis na h-aignibh agus na smuaintibh teas-chridheach, taingeil, dealasach, anns a’ bheil fonn agus spiorad a chomunaich a’ co’-sheasamh. ’Si so, ma ta, an dòigh òrduichte, daoin’ a theachd air thùs chum Chriosd, agus an déigh dhoibh deagh stéigh dòchais a bhi aca gun d’ thug an Spiorad Naomh so m’an cuairt, an sin, agus an sin a mhàin ’s e’m beatha aig bord an Tighearna. Ann am briathraibh eile, m’am feud neach a bhi na fhear co’-pairt taitneach aig bord an Tighearna, feumaidh e bhi na fhior chriosduidh. Ach cò e am fior chriosduidh? Tha esan a tha làn thuigsinn gu bheil e ann fein na pheacach truaillidh caillte; a tha mothachail air ciont’ agus gràinealachd a chridhe; a ghabh aithreachas d’a pheacaidh; a tha fiosrach nach ’eil ach a mhàin aon slighe chum slainte, eadhon trid creidimh ann an Criosd; a tha ’g earbsa as-san air son saoraidh, agus a tha miannachadh thar gach ni esan fhaotainn, agus a bhi air fhaotainn ann; a tha mothachadh a ghràidh ga’n co’-éigneachadh, gu bhi beo, cha’n ann doibh fein ach dhà-san a bhàsuich air an son. Esan nach ’eil air a shaoradh o chumhachd a pheacaidh, agus nach buin do rioghachd nan gràs, esan air a bheil am peacadh a’ faotainn làmh an uachdar, agus anns nach eil spiorad Dhe a riaghladh, cha’n fheud e air chor air bith teachd air aghaidh gu bord an Tighearna. Tha’n duine so ’an naimhdeas do Dhia, agus uime sin cha’n urrainn e gabhail ri Criosd Mac a ghràidh. Tha gràsan an aithreachais, a chreidimh, na h-irisleachd, na seirc, agus an leithide sin, feumail chum gabhail gu h-iomchuidh de Shuipeir an Tighearna. Do thaobh nàduir tha na nithe sin a dh’easbhuidh air daoinibh; agus gus an gabhar ris an Spiorad Naomh, cha ’n ’eil aon dhiubh sin na dhearbhadh air a bheatha spioradail. Ged a bheir sinn pailteas bìdh agus dibhe do dhuine marbh, cha toir e gu beatha e, cha mhò a bheathaicheas se e; air a mhodh cheudna, cha dean an t-òrdugh so feum do dhuine a tha marbh ann am peacadh, as eug’ais aigne agus togradh spioradail. Feòraicheamaid a nis, Ciod tha feumail do’n dream sin a dheanamh leis an àill Suipeir an Tighearn a ghabhail gu h-iomchuidh? Tha so gu ro mhaith air a fhreagradh ann an Leabhar aithghearr nan ceist. “Is feumail dhoibh iad fein a cheasnachadh ’nan eòlas chum aithne dheanamh air corp [TD 27] an Tighearna; ma’n creidimh chum beatha an anama a tharruing as; m’an aithreachas; m’an gràdh; agus m’an nuadh-ùmhlachd: air eagal, le teachd gu mi-iomchuidh, gu’n itheadh no gun òladh iad breitheanas dhoibh fein.” Tha e soilleir gu bheil e cunnartach teachd gu neo-iomchuidh, agus gu bheil an deasachadh ceart a’ co’-sheasamh ann am fein-cheasnachadh, dol an uaigneas o làthair an t-saoghail, sinn fhein a chàramh, mar ann am fianuis De, còmhnadh an Spioraid Naoimh asluchadh, am feadh a rannsaicheamaid ar cridheachan, agus a chuireamaid thuige ar n-anama chum freagradh soilleir a thoirt. Anns an fhreagradh do’n cheist a chuir sinn sìos, tha cùig nithe sonraicht air an ainmeachadh, m’am bu chòir dhuinn sinn fein a cheasnachadh: eadhon ar n-eòlas, ar creidimh, ar n-aithreachas, ar gràdh, agus ar nuadh-ùmhlachd. 1. Tha eòlas feumail chum aithne dheanamh air corp an Tighearn anns an t-Sàcramaid: ’s e sin, mar thuirt an Diadhair urramach Mr. Eoin Wilison, “Eadar dhealachadh ceart a chur eadar na comharaidh o’n leth a muigh, agus na nithe spioradail a ta air an cialluchadh leo; agus tuigse iomchuidh a bhi againn air mòr luach, agus oirdheirceas cuirp agus fola Chriosd, agus air na sochairibh a chosnadh leis, agus mar an ceudna aithne bhi againn air ro-mheud fulangais ar Tighearna, chum ’s gu’m biodh an gràdh a nochd e le sin, a’ drùghadh gu domhain air ar n-anamaibh, agus mòr dhoilghios oirnn air son ar peacaidh a tharraing air-san iad.” A chum an eòlas a mheudachadh, leughadh luchd-comunaich gu cùramach roimh-laimh, na h-earrainnean sin de na Sgriobtuiribh tha soilleireachadh dhuinn ìobairt-réitich ar Slanuighir, mar ann Isa. liii.; ma bhàs, mar ann an Eoin 19.; gne an nuadh Choi’-cheangail, mar ann an Eabh. viii. cunntas m’ an òrdugh mar tha e againn ann am focal De, Mat. xxvi. 26—30; Marc. xiv. 22—26; Luc. xxii. 15—20; 1 Cor. x. 16—18; xi. 17—34; agus na thuirt ar Tighearna mu thimchioll gné, feumalachd, agus tairbhe creidimh annsan; Eoin vi. 28—71. M’an tig sibh air ur n-aghaidh ceasnaichibh sibh fein a thaobh ur n-eòlais; faighibh a mach a’ bheil tomhas iomchuidh agaibh dheth, air Dia, ann an aonachd a nàduir, agus trionaid a phearsaidh. Air an duine an staid a neo-chiontais, agus mar an ceudna na dhéigh. Air Criosd an t-Eadar-mheadhonair, ’na dhà nàdur, agus na thri oifigibh. Air co’-cheangal nan grâs, agus slighe na saorsa trid fìreantachd urrais Chriosd. Air seulaibh a cho’-cheangail, gu sonraicht’ air Suipeir an Tighearna, agus air a chrìch gur an d-òrduicheadh i. Feòraichibh mar an ceudna a’ bheil ur ’n-eolas slainteil na ghné. Feudaidh sibh a mheas gu bheil e mar so, ma tha e ’g ur n-irisleachadh, agus ’g ur lionadh le doilghios air son ur peacaidh. Ma bhios e ’cur fein-spéis air chùl, agus ’g ur treòrachadh dh’ionnsuidh Chriosd, agus fhìreantachd a mhàin, mar stéigh ur dòchais. Ma bhios e ag oibreachadh air ur cridhe agus air ur beatha mar aon, chum ur n-uile dhìchioll a ghnàthachadh gu bhi cosmhuil ri Criosd ur Ceannard naomha. 2. Tha luchd-comunaich ri iad fein a cheasnachadh mu thimchioll an creidimh. Tha creidimh feumail ann an Suipeir an Tighearna, chum beatha tharruing o [TD 28] Chriosd air a cheusadh, no bhi càramh sochairean agus toraidh a bhâis-san r’ar n-anamaibh. Tha so a’ ciallachadh cìocrais an anama an déigh air Criosd, agus a bhi ga dhlùth-ghabhail trid creidimh; tuigear le so mar an ceudna gu bheil an t-anam ceangailte ri Criosd, agus a’ faghail co’-roinn de shochairean a bhàis-san; gu bheil mòr thlachd aig an anam ann, agus gu bheil e tarruing beatha, neart, agus fàs uaith sin. A’ bheil agaibhs’ an creidimh so? Beo-chreidimh ann an tròcair Dhe trid Chriosd? A’ bheil mothachadh air ur peacaidh gar n-aomadh gu iarraidh mar pheacaich bhochda chaillte, na sochairean sin a tha air an tasguidh suas ann an Criosd? Is iadsan a mhàin aig a’ bheil eolas air, agus a tha ’g earbs’ a Criosd a tha ann an staid uimichte air son teachd gu Suipeir an Tighearna. Thugaibh an aire uime sin nach ann air ur maitheas, no air ar deanadais fein a tha sibh ag earbsa. 3. Ceasnaicheadh Luchd comunaich iad fein a thaobh an aithreachais. Is feumail duinn an àm a bhi ’g ath-nuadhachadh ar cùmhnanta ri Dia, bhi tùrsach air son gach briseadh agus cùl-shleumhnachadh san aimsir a chaidh seachad; chum ann an amharc air an t-Slanuighear a’dòrtadh fhola, gu’m bitheamaid ri bròn air son ar peacaidh, a tharraing an dòruinn sin uile air-san; chum ’s gu’n gabhamaid ri Criosd air a bhriseadh, le cridheachaibh briste, agus gu’n cuireamaid romhainn gu daingean ’na neart-san nach lot sinn e le’r peacaibh ni’s mò. Anns an ni so, is còir do gach neach a bhi ro-fhaicilleach, a dh’ fhaicinn am bi ar n-aithreachas a réir an t-soisgeil. Tha e mar sin, ma ta am mothachadh a ta againn air a pheacadh ’gar cur a dh’ionnsuidh Chriosd a mhàin, mar leigh an anama; ma tha ar bròn air son peacaidh iomlan, air son truailleachd ar nàduir, co maith ri’r droch gniomharra; ma tha sinn gu tréibh-dhireach ag iarraidh fuasglaidh o gach peacadh, agus truailleachd, ag oidheirpeachadh naomhachd iomlan; agus cùramach a sheachnadh gach peacaidh, agus a dheanamh gach dleasnas is aithne dhuinn, a thaobh Dhe agus dhaoine. Am buin an t-aithreachas so dhuibhse? A’ bheil agaibhse fuath air a pheacadh, agus an cridhe briste brùite air a shon; agus an do chuir sibh romhaibh le còmhnadh Dhe gach peacadh a thréigsinn, agus a bhi beo, o so a mach, dha-san? ma’s ann mar so a tha chùis, deanaibh deas gu còdhail a chumail ri Dia. 4. Ceasnuicheadh luchd comunaich iad fein m’an gràdh. Is cuirm ghràidh Sàcramaid na Suipearach, anns a bheil an taisbean is mò a fhuair an saoghal riamh air gràdh Dhe do pheacaich; agus bu chòir dhuinn uime sin an gràdh is mò àrach ’n ar cridheachaibh, agus a nochdadh ’nar giùlan, eadhon gràdh do Dhia, agus gràdh do’n Fhear-shaoraidh; gràdh d’a luchd muinntir-san, seadh fòs d’àr naimhdibh. Feuchadh gach neach e fein anns a chùis so chum gun tuigeadh e bheil fior ghràdh aige do Dhia, agus do Chriosd. An ionmhuinn leis Dia os cionn gach ni; ’n e togradh ar cridheachan àitheantan gu léir a choimhead? A’ bheil eagal oirbh roimh a dhiom, agus ag iarraidh a ghloir anns gach ni? a’ deanamh gairdeachas ri soirbheachadh an t-soisgeil, a’ bheil sibh fo bhròn ’nuair dh’ fholaicheas ur caraid is àirde a [TD 29] ghnùis oirbh, a’ bheil sibh a’ plosgartaich na dhéigh, le dian thogradh gu bhi cosmhuil ris? Ge nach ’eil tomhas ur gràidh m’ ar bu mhiann libh, an urrainn duibh a chùis a leigeadh gu fianuis De, ag ràdh, A Thighearna, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort? Ma tha chùis mar so, tha fàth misnich agaibh teachd air ur n-adhart gu bòrd an Tighearna. Agus a thaobh ur gràidh do dhaoinibh, feuchaibh nach ’eil sibh ag àrach fuath, farmad, mi-rùn, no gamhlas do neach sam bith. Fosgail an soisgeul, agus leugh na tha Criosd ag ràdh do thaobh so, Mat. v. 23. Is soirbh fhaicinn uaithe so gur peacadh trom teachd gu bord an Tighearn ma tha sinn ag altrum naimhdeas nar cridhe an aghaidh aon duine air aghaidh an t-saoghail. 5. Tha nuadh ùmhlachd ann mar an ceudna a dh’fheumas sinn a thaisbeana m’an d’thig sinn gu bord an Tighearna. Cha ’n fhoghain duinn a ràdh gu bheil eòlas, creidimh, agus gràdh againn, gun do ghabh, no gu’n gabh sinn aithreachas; ach feumaidh sinn teachd gu Suipeir an Tighearna le rùn-suidhichte, nuadh ùmhlachd a chur an gniomh ann an neart Chriosd; cùl a chur ris gach aon pheacadh, agus an t-Uan a leantuill ge b’e taobh a théid e. Is diomhain gach ni eile ma tha sinn an déigh làimhe anns an ùmhlachd so. Fanadh gach peacach air ais. Cridheachan a tha làn de cheilg, de mhi-run, agus de dh’ fharmad, tha iad air an toirmeasg o theachd gu cuirm so a ghràidh. Cosan a ta gluasad ann an slighe an uilc, gum ma dàna leo leum thairis air a challaid naomh a tha cuairteachadh a bhùird. Na beoil sin a tha air an truailleadh le labhairt ghràineil, le mionnachadh agus draosdachd, cha’n airidh iad air itheadh de’n aran no òl de ’n fhion, comharan faicinneach air corp agus fuil an t-Slanuighir. Uime sin ceasnaicheadh gach neach e fein, air eagal teachd gu mi-iomchuidh a dh’ ionnsuidh na cuirme so. Anns an àite fa dheireadh, ’S ann o Dhia a tha ’n t-uidheamachadh ceart a’ teachd, agus bu chòir so iarraidh ann an ùrnuigh dhùrachdach aig cathair nan gràs. Ma nithear dearmad air so, feudaidh fein-cheasnachadh tionndadh mach dhuibh na chulaidh mheallaidh agus bhuairidh Tha ’n cridhe cealgach thar nan uile nithibh, agus tha’m buaireadair gu carach seolta gur n-aomadh gu shaoilsinn gu bheil sinn ni’s fearr na tha sinn; uime sin buinidh dhuinn còmhnadh an Spioraid asluchadh gu dùrachdach, oir is ann amhàin uaithe-san a tha gach gràs feumail a’teachd; agus tha e d’an gealladh dhà-san a dh’ iarras iad trid Chriosd. Tha trusgan na bainnse air a thairgse gu saor. Iarraibh agus gheibh sibh. Guidhibh gun ullaicheadh Dia ur n-anama chum teachd dlù dha fein; gun ath-bheothaicheadh e gach gràs feumail annaibh, agus gun d’thugadh e iad gu gniomhara beothail; agus mar sin gun deasaicheadh e sibh chum nach d’thig sibh gu neo-iomchuidh chum a bhùird. Tòg do ghuth, ag ràdh, Thig a Spioraid bheannaichte, agus séid air na cnàmha tioram so—Gluais air uisgibh nan òrduighean, agus thoir m’an cuairt an cruthachadh nuadh. “Eirich, a ghaoth a tuath, agus thig, a ghaoth a deas, séid air feadh mo liosa, rachadh fàile cùbhraidh a spìosraidh a mach. Thigeadh m’annsachd d’a lios, agus itheadh e a thoradh taitneach.” Campsie. T. M‘L. [TD 30] MOLADH AIRSON CAOIMHNEAS GRADHACH AN TIGHEARNA. SALM lxiii. 3. O m’ anam, nis gu fonnmhor gluais, Chum cliu d’ Fhear-saoraidh àigh a luaidh; ’S ceart-dhligheach dha-san d’ òran gaoil, A chaoimhneas gràdhach O cia saor! Chunnaic e mi ’s an tuiteam caillt’, Ach’n deigh sin uile thug dhomh gràdh; O chall ’s o dhòruinn shaor mi fòs; A chaoimhneas gràdhach, O cia mòr! Biodh naimhdean mòr, le’n iomad feachd, Biodh talamh ’s ifrinn m’ aghaidh gleachd, Stiuraidh e m’ anam slan ’s gach cèum, A chaoimhneas gràdhach O cia tréun! ’N uair dhòmhlaich dragh, mar neoil fo ghruaim, ’G ard-bhuaireadh torruinn b’oillteil fuaim, ’N sin laimh ri m’ anam sheas e ghnath, A chaoimhneas gradhach O cia blàth! ’S tric mhoth’chear leam am peac, am chridh ’Gam thoirt air seacharan o Chriosd; ’S ged dhearmaid mi e iomad uair, A chaoimhneas gràidh cha d’thug e uam. ’S gearr gus an triallam gleann an sgàil, ’S gearr gus am bi mo chorp gun chàil; O moladh! m’ospag ’s deireannaich A chaoimhneas gràdhach ann am chrìch. Sgiath-shiubhladh m’anam ’n sin an àird Do shaoghal àigh ’s nach criochnaich là; ’S cuiream le h-aoibhneas àrd an céill A chaoimhneas gràidh gu bràth air neamh. Ead. le DONN-SHUIL. SGEUL AIR SEALGAIR NAM FIADH-GHABHAR. Ann am baile beag a measg nam beann; thachair do bhuachaillean ghabhar a bhi cruinn air oidhche gheamhraidh; bha iad a cur seachad na h-aimsir mar bu ghnà ag [TD 31] aithris sgeulachdan, ag innse naigheachdan, agus a’ gabhail dhuanag. Bha iad nan daoin’ òga, an àird an neirt; agus thionndaidh an còmhradh air éuchd agus tréubhantas an gniomhara gaisgeil fein; an ionnsuidhean dàna air bearra nan creag; luaths’ agus seòltachd an con, agus a liugha dol as miorbhuileach abha aca fein a sealgaireachd nam fiadh ghabhar, o sgàirneach gu sgàirneach.—Dh’innseadh iomad sgeul a bha iongantach ri éisdeachd, co dhiùbh bha na nach robh iad fior.—Anns a chuideachd so, thachair do sheann duine àraidh a bhi làthair air leth o chàch, nach do labhair a bheag o thainig e stigh—ach dh’ éisd e gu furachair ris gach sgeul a chaidh aithris leis na lasgairean òga—gach fear dhiubh ag innseadh gach caol-thearnadh o’n d’ thainig e fein, air muir agus air tìr. Air uairibh, gu dearbh, bheireadh e gne de thogail air a ghuaillnibh,—dh’ amhairceadh e suas gu mullach an tighe. Thòisich e ri crònan beag òrain fo anail—an sin thionndaidh e a shùil air na fleasgaich òga, le seorsa amharuis na ghnùis, mar nach bitheadh e uile gu léir a’ creidsinn gach sgeul a bha iad ag innseadh. Bu chiatach, eireachdail an duin’ e, fior shamhladh na chruth’s na dhealbh air seann laoch Gaidhealach; a dhà shùil ghorm co beo thogarrach ’sa bha iad riamh. Bha chumadh gu féitheach calma, agus ged a bha e ni-éiginn air searga le aois, bha e soilleir gun robh e na òige na chorp stàilinn, ’s na anam teine. Aig a chois na chuairteig am blàs an teine, bha madadh molach glas, aosda mar bha a mhaighstir, agus do réir coslais neartmhor lùthmhor. Cha chreid mi, arsa fear do na daoin’ òga, ’s e tionndadh a nunn a dh’ ionnsuidh an t-seann laoich, nach seann sealgair a tha againn an so: mar ’eil mi meallta, bha e fein agus a chù glas an garbhlach nam beann co tric ri h-aon againn. Cha’n fheud mi àicheadh, a deir esan, nach do chuir mi seachad a chuid a b’fhearr de m’ làithean a’ ruagadh a bhuic, ach cha tainig mi as gach gàbhadh co taruinte ribhse, Fhuair mi mo dhochann gu tròm, ge nach ’eil aobhar gearain agam, ach mòran cionfath a bhi taingeil do’n Fhreasdal chaomh a theasraig mi. Chuala mi air an oidhche nochd iomadh sgeul iongantach agaibhse m’ar tapachd fein, agus a liugha caol thearnadh o’n d’thainig sibh; ach bu duilich leam do rìreadh nach cuala mi aon aideachadh uaibh mu chaoimhneas gràidh agus suil-choimhead an Ti ghràsmhoir a chum ar ceumanna o shleumhnachadh, agus ar n-anama o dhol sios gu bàs. Oigridh ghaolaich! bha mise co òg ribhse, agus co moiteil as mo thapachd fein; ach taing gan robh dhàsan a smachdaich mi na dhòigh fein, ann an caol thearnadh a dheonachadh dhomh air oidhche àraid, nach d’théid as mo chùimhne am fad ’sa bhios an deò annam. Theann na buachaillean gu léir m’an cuairt d’a le mòr urram, agus dh’ asluich iad air e dh’innse dhoibh na thachair dha an oidhche bha na bheachd. Ni mi sin, a deir esan, agus cha chluinn sibh smid ach an fhìrinn. Tha nis os ceann fichead bliadhn o na thachair dhomh bhi mach, air là araidh, air a bheinn a’ sealg. Fhuair mi sealladh air gabhar fhiadhaich, agus mar bha mi ’g èaladh oirre, agus goirid o bhi ’n astar urchair dhi, thainig mi le dian chabhaig gu sgor craige co àrd sa bha san dùthaich, os ceann sluichd a bha na ceudan [TD 32] troidh air doimhneachd. Ann an dian-thogradh na seilge, ’s gun sùil a thoirt romham, gabhar roid agus leumar thairis chum àit’ a shaoil mi bha na chreig, no na thalamh daingean, ach ’s mis a bh’ air mo mhealladh gu goirt; oir ciod a bh’ ann ach meall mòr de shneachda reòdhta, a mhothaich mi, leis a chudthrom a thainig air, a’ géilleadh fotham. Thug mi sùil os mo cheann agus faicear am meall sneachdaidh so a’ fuasgladh o’n chreig, amhaircear fotham, ach cha robh aigeal an t-sluichd ri fhaicinn; gun phreas no craobh a chuireadh grab’ air mi thuiteam. Thug mi ionnsuidh air greim a dheanamh air stachd a bha os mo cheann, ach ’se ’n ionnsuidh so a luathaich na thachair—chuala mi gleadhraich shlignich an t-sneachai rèodhta a’ dealachadh o’n chreig—charaich e rìs fotham—chaidh crith an uamhais roi ’m chuislibh uile—thainig reachd a’ m’ uchd—ghlaodh mi mach le oillt, ’nuair a dh’ fhairich mi nis an t-àit air an robh mi am sheasamh a’fàillneachadh. O Dhe! arsa mise, chaidh as domh! A Thighearn, air sgàth Chriosd, gabh ri m’anam! Bhrist am meall, agus air falbh chaidh mi: thainig tuaineulaich am cheann, agus chaill mi gach mothachadh! ’Nuair thainig mi gu m’thùr bha ’m feasgar a’ ciaradh m’ an cuairt domh. Bha mi air mo chòmhdachadh le sneachda, bha mo shleadh seilge briste ri m’ thaobh, agus mo mhadadh dìleas na shìneadh air m’uchd, chum mo dhìon o’n fhuachd. An creutair truagh, ars’ an seann duine, ’s an deur a’ critheadh na shùil, is fad o dh’ fhalbh e, agus a mhac, (is e ga bhrìodal aig a chosaibh,) tha e sean a nis; ach ge nach biodh agams’ ach aon ghreim arain, agus aon bhraon uisge, bu leis-san cuibhrionn diubh, air sgàth athar. Dh’ amhairc an cù suas, mar gun tuigeadh e na thuirt a mhaighstir; oir dh’ amhairc e air leis a mhiòg-shùil bhlàth sin is gnà le coin a nochdadh dhoibhsan is caomh leo. Mhothaich mi, ars’ an sealgair, mi fein gu rag neo-chlis gu gluasad, agus cnàmhan goirteis air feadh gach ball diom, co mòr agus nach b’urrainn domh aon dochann ainmeachadh thar dochann eile. Dh’ oidheirpich mi éiridh, ach nochd so dhomh c’ àit an robh an dochann bu mhò.—Thuit mi sìos a rìs,—bha mo shliasaid briste. A thuilleadh air so, bha dithis de mheoir mo làimhse deise air am briseadh, agus aon aig mo làimh chlì, agus bha mi gu h-iomlan air mo bhruthadh. Ach bha mi beo! agus an uair a dh’ amhairc mi suas air a bhinnein o’n do thuit mi, is gann a shaoilinn gu ’m b’ urrainn da sin fein a bhith. Bha ’n t-âite san robh mi a’ m’ shìneadh, na shlochd domhain eadar dà chreig, a’dol am farsuingeachd mar bha iad a’ sgaoile o chéile. Bha steall thoireannach uisge, mar mhuing eich fhiadhaich, a’ leum o’n chreig os mo cheann, ach a thaobh an doimhne, sgaoileadh e na cheo man d’rainig e far an robh mise. Thòisich an oidhche ri ciaradh m’am thimchioll, agus sin ni bu luaithe le doimhneachd an àite san robh mi. Shéid a ghaoth gu doinionnach o cheithir àirdibh an aigheir, mar gu ’m biodh còdhail aca san àite sin. Thèaruinn mi o aon bhàs uamhasach, ach cha robh mi saor o eagal roi’bhàs a b’oillteile, a chionn gu robh e ni b’ fhadalaiche, agus ni bu doirbhe r’a fhulang. Bha eagal orm gum bàsaichinn leis an fhuachd, no leis [TD 33] an acras, no le mo chreuchdan nach robh air gabhail aca. Chaill mi gach dòchas, agus oidheirp sam bith gu’m chòmhnadh cha robh m’ chomas a dheanamh. Bha mo chù a’ donnalaich gu brònach ri m’ thaobh, agus an déigh dha aon sealladh muladach a thoirt orm, dh’ fhàg e mi. Nuair a chaill mi sealladh air dh’ fhairich mi mar gu’m biodh mo ghreim deireannach de’n bheatha so air mo thréigsinn, mar gu ’m biodh caraid mo chuim air m’ fhàgail gu bàsachadh. Shaoil mi, a deir mi, nach tréigeadh mo ghaothar glas mi; agus cha nàr leam aideachadh gun do shil mo dheòir. Bha’n saoghal a nis, mar gu ’m biodh e, air a dhùnadh o’m shealladh gu bràth;—mo bhean, mo chlann, mo dhachaidh ghràdhach, cha robh fiughair ri’m faicinn ni ’s mò. Smuainich mi air sòlais an dachaidh sin, agus thuig mi cia deuchainneach an ni a bhi air ar gearradh air falbh o’n t-saoghals’, agus a liugha snuim laidir a ta gar ceangal ris. Mar dh’ iath an dorchadas m’am thimchioll, smuaintich mi air mo mhnaoi a bha gu h-iomaguineach a’feitheamh farum na coise sin nach ruigeadh a dorus a chaoidh! Chunnaic mi, air leam, mo lurachain bheaga mhaoth nan suidhe m’an ghealbhan, agus chuala mi briagail mhilis am beòil. Chunnaic mi’n cròithlein maoth ag éirigh chur fàilt orm a strì ri chéile cò bu luaithe a streapadh suas ri brollach an athar chum a phòg fhaotainn. Fèidh-ghàire shòlasach am màthar ag altachadh mo bheatha, agus ag iarraidh air ar muirghinn bheag fuireach air an ais. Sud an dealbh a tharraing mi a m’ inntinn, ach shéid a ghaoth, dhùmhlaich an dorchadas, agus thainig cadha uisg a nuas o ’n eas, a fhliuch mi, agus a reò air m’ uachdar. Bha mi air mo chuairteachadh le cas-chreagan uamhasach air gach taobh dhomh; b’e’n sneachda mo leaba—seadh, leaba mo bhàis. A m’ aonar, gun neach ris an deanainn mo ghearan, agus eadhon gun dùil gu ’m biodh mo chorp air a chàramh le ùir mo shinnsir. As a so, a deir mise, cha ’n éirich mi tuille; ach ciod a dh’ éireas do m’ anam? So a cheist a dhùisg an t-uamhas. Thainig uile ghniomhara mo bheatha gu m’ chuimhne, an Dia gràsmhor air an d’ rinn mi di-chuimhn, an Slanuighear caomh air an d’ rinn mi dearmad, an Spiorad Naomh a chuir mi na aghaidh, na cuireannan a dhiùlt mi, agus an t-siorruidheachd a bha nis a’ fosgladh fa m’ chomhair, thainig na nithe so uile nan làn uamhas a m’ làthair, agus dhùisg iad an iargain anama sin nach urrainn cainnt a chur an céill, agus air nach comasach dhomh smuainteachadh gun oillt. Bha mi mar so a m’ shìneadh a m’ chulaidh-thruais gu dearbh. Faidheòigh dhealruich fairleus an dòchais orm. Air mullach a bhinnein o’n do thuit mi, bha frith-rathad o’n bhaile san robh mo chòmhnuidh, gu baile beag eile mu thuaiream sé’ mìl’ air falbh. Cha do mheas mi so na mheadhon gu dol as; oir fo dhubhar oidhche is ainmig a bha iad ga thadhall. Ach ann an tiota, ’nuair is lugha bha fiughair agam ris, chunnaic mi pladha soluis a’ fann-shnàmh air an fhrith-rathad ud; agus smuaintich mi gur ni bh’ ann fear do mhuinntir a bhaile a’ dol dachaidh le lochrann. B’e sin a bh’ann! Bi’dh mi fhathast air mo thearnadh, thuirt mi! agus ghlaodh mi le m’ uile neart, chum caismeachd a thoirt do’n fhear-thuruis. Ach shéid oiteag laidir shoirbhis am aghaidh, agus phill mo ghlaodh [TD 34] gun esan a ruigheachd. Cha do stad an solus—cha d’ thugadh freagradh do m’ ghlaodh. “Co dh’fheudas cruaidh-spairn na mionaid sin a thuigsinn? An duin’ a tha’n cunnart a bhi bàite, mar tha e toirt na h-oidheirp dheireannaich, ’s a’ faireachduinn nan tonn ag iathadh uime; an ciontach mar tha e dìreadh ri fàradh na croiche, agus fhiughair dheireannach a’teicheadh uaithe;—feudaidh iad sin, agus iad sin a mhàin a thuigsinn an staid san robh mise. Shocraich a nis m’an-dòchas. Mhothaich mi gu’n robh m’ uair dheireannach a’ tarruing dlù: dh’ oidheirpich mi mo smuainte a thogail o’n t-saoghal so, agus an socrachadh air an ath-bheatha. Ach bha ’n spàirn uamhasach. Mar a dh’ oidheirpich mi mi fein uidheamachadh air son a bhàis, thigeadh toil do ’n bheatha so air m’aigne san àm. Nan d’thigeadh fuaim gu m’ chluais, thogainn mo cheann a dh’ éisdeachd; nan d’ thigeadh sgàil’ air a chreig, dh’ amhaircinn ciod a bh’ann; ach sguireadh an fhuaim, agus shiubhladh an sgàil’ air falbh; agus luidhinn a rìs sìos air an t-sneachda, agus dh’fheùchainn dol am uidheam air son a bhàis. “Faidheoigh, (gu là mo chrìche cuimhnichidh mi a mhionaid sin,) air leam gun d’thug oiteag shoirbheis am’ ionnsuidh fuaim, a dh’ aithnich mi; dhìrich mi air m’ uilinn le cabhaig nach mòr nach do chuir crioch orm—dh’ éisd mi—bha gach ni na thosd—dh’ éirich a ghaoth agus bha mi ’n teagamh an cuala mi rìs e,—an treas glaodh a chuir a’teagamh mi! ’se tabhann Oscair dhìleis a bh’ann, a comharachadh a mach an ionaid san robh mis a m’ shìneadh. A rìs chuala mi a chomhartaich chruaidh sgairteil mar dhlùthaich e ri mullach na creige. An sin sheas e, a’ sior chomhartaich, gus am faca mi iomad tòrr-leus air an aisridh air an d’thainig e, ’s a dhlùthaich an gradaig ris. Thainig iolach air oiteag an anamoich: dh’oidheirpich mi a freagairt mar a b’fhearr a dh’ fheud mi. Air an àm so cha diongadh e a bheag co dhiùbh a chluinneadh no nach cluinneadh iad mi; oir co luath so thainig na soluis far an robh an cù na sheasamh, ghrad leum e sios an cas bhruthach, a’ deanamh greim bàis air na leachdaibh corrach, ga leige fein na shìneadh air feadh sneachdaidh agus ùrach, gus an d’ thainig e a dh’ aon leum far an robh mi, agus cha mhòr nach do chuir e as domh le beadradh, a’toirt air mac-talla nan creag co’-fhreagradh le àrd chomhartaich. Thug mo choimhearsnaich an aire nis do’n àite san robh mi. Theirinn iad a’m’ionnsuidh. Mo chàirdean gaolach, mar do mhothaich sibh am mùghadh a ta eadar eadochas agus tearuinteachd—o bhi tréigte gu fior charthannachd agus dlù chaoimhneas—o bhàs gu beatha—cha chomasach dhuibh a smuainteachadh an tuil de shòlas dian agus strìochdta a thainig san àm sin air m’anam. Cha robh a nis annsachd mo chridhe na banntraich! cha robh mo chlann a nis nan dìlleachdain! Bha mi air m’ aiseag gu beatha, do’n t-saoghal, do dhòchas, do shonas! agus air son so uile, fo laimh an fhreasdail, ’s ann an comaine gràidh agus tairisneachd madaidh bhochd a ta mi! ’Nuair a bhios ur làmh togta suas gu’r cù a bhualadh—stadaibh—agus smuaintichibh air an t-seirbhis a rinn sean Oscar d’a mhaighstir. O’s ceann na h-uile ni, tuigibh agus aidichibh lamh an Tighearn anns gach caol-thearnadh roimh bheil sibh a’ teachd. Bithibh eolach air ur Dia ann an [TD 35] laithibh ur neart; agus a’ cuimhneachadh co buailteach ’s a tha sibh do sgiorradh agus do bhàs; oidheirpichibh a bhi do ghnà deas. Nam bitheadh Dia air m’ fhiosrachadhs’ le bàs air an oidhch’ a dh’ainmich mi, chaochail mi gun dòchas, agus cha robh an dòrainn na h-oidhche sin ach earlais fhaoin air dòrainn na h-oidhche sin air nach dealraich maduinn. Buidheachas dha-san a chaomhainn mi agus a bheannaich an sgiorradh sin domh, chum mo thoirt d’a ionnsuidh-san a thainig a shaoradh pheacach. DOCHAS A CHRIOSDUIDH. A Chriost, a stéigh mo dhòchais bhuain, Mo thobar buadhach slàint. Gu’m faighear annads’ mi gach uair, ’S gu’n cumam suas do chàs’. Do ghràdh-sa lasadh ann am chrìdh’;— Cum dìreach mi ri d’ reachd; Do mholadh deanam le àrd-strì, Tog m’ ìnntinn riut le tlachd. An uair ’thig dubhar air mo spĕur, ’S a shéideas stoirmean cruaidh, Thoir sùil gu caomh orm ann am fheum ’S as m’ éiginn tog mi suas. ’Nuair dh’ éireas caithrim àrd do chliù ’S na cùirtean fial gu h-àrd; Gleus m’aigne-sa a sheinn duit ciùil, Le dùrachd lasrach gràidh. Do chliù ’bhi falbh air sgiathan òir An t-Soisgeil, ’se mo rŭn! A’ sgaoileadh dorchadais le ’ghlòir, ’Us sòlais feadh gach dŭch’. O thobair lomlain iochd ’us gràis, A’d’ lànachd diol na’s leòr! ’S an uair a striochdas mi do’n bhàs, ’Nad sgàth-sa maiream beò! Ead. le A. B. R. NA DEICH AITHNTEAN, AN DAN GAELACH. An céud chlàr. I. Na biodh Dia eil’agad roimh m’ghnùis. II. Do dhealbh air bith na lùb do ghlùn. III. Air ainm do Dhia na gairm gu faoin. IV. Dean là na fois a chumail naomh. An dara clàr. V. Thoirmeas do t’athair’us do d’mhàth’r. VI. Le ainneart na cuir neach gu bàs. VII. O strìopachas cum glan do chorp. VIII. Na goid, ged thachras dhuit bhi bochd. IX. Na tog sgeul-brĕige ’n aghaidh neach. X. Na sanntaich ni ’s le d’ choimhearsnach. Ead. le A. B. R. CRON DIUBHALACH. Dibhe laidir. AN DARA EARRANN. Cha’n ann a mhàin air daoraich ghràineil a tha ar n-achmasain air an tabhairt; ach air gach anabharra ann an òl, a tha treòrachadh chum na dubhailc so. Feudar iomad fear a mheas na phòiteir nach facas riamh a’call a chas leis an daoraich. Thugamaid a nis fainear càileiginn de’n TRUAIGHE a tha ’g éiridh o òl neo-mheasarra. 1. Tha e cur as do DHICHIOLL. Tha ar gnè agus ar cor sa bheatha [TD 36] so, a’ fàgail ceaird éiginn feumail duinn. Cha luaithe chruthaich Dia an duine, na shonraich e obair shonraichte dha. B’ann de na h-àitheantan a liuthair Dia air mhodh mòralach air Sliabh Shinai, “Sèa làithean saothraichidh tu.” Tha bhi gu saothrachail gniomhach na dhleasnas air a theagasg dhuinn anns na Scriobtuiribh le iomad àithne shoilleir, agus iomad samhladh fiachail, ach is leoir a ràdh gu bheil an ceangal fo bheil e gar cur air a theagasg le eisimpleir ar Slanuighear. Tha’n t-olc a tha’g èiridh do iomad neach, o chleachdannaibh dearmadach, soilleir do gach aon. Cha’n fheum sinn gliocas Sholamh a bhi againn gu thuigsinn “gun eudaich diomhanas duine le luideagaibh;” no idir deachdaidh Phoil gu thoirt fainear c’ar son bu chòir do dhaoinibh saoithreachadh gu ciùin, mu b’aill leo an aran fein itheadh. Cha’n’eil teagamh air bith ann an so, gu bheil misg agus diomhanas an dlù-dhaimh r’a chéile. Far a’ bheil an dara h-aon is tric a bhitheas an t-aon eile. Am fear a bhios an tòir air dibh làidir, fàsaidh e mar an ceudna dearmadach na ghnothaichibh. An t-àm bu chòir a bhuileachadh air an fhearann no anns a bhùth tha e ga chosd ann an cuideachd fhaoin. Tha chreideas a fàillneadh—tha e air a mheas mar neach caillte leis gach duine deadh-bheusach d’an aithne e. 2. Tha bhi’n toir air deoch laidir a’ cur as do SHLAINTE duine. Tha e feumail a bhi ni’s soilleire ma’n chuis so, a chionn gu bheil moran am barail gu bheil deoch laidir feumail d’an slainte. Tha léigh ainmeil a’ cur sios àireamh mhòr de euslaintean ag éiridh o bhi ’g òl, agus ag ràdh “Gu’n gabhadh e leabhar mòr a chur an céill gach galar eile a tha tàrmachadh o’n ghnàthachadh sin.” Tha e ’g innseadh mu dhà léigh eile, a thuirt gun robh fo theas loisgeach nan Innsean, deoch a’ lughdachadh neart a chuirp, ga fhàgail ni’s buailtiche do eucailibh eile agus neo-chomasach air oibreachadh far am biodh spionnadh feumail. Nach minic a chluinnear e air a radh, gun robh leth-cheud no tri fichead bliadhna roimhe so, daoine gu mòr ni bu laidire neartmhoire na tha iad san àm so. Cha’n ion duinn a smuaineachadh nach e na tha iad ag òl is cionfath air an laigsinn sin. Is iomad òganach treubhach a dh’ fheudadh a bhi nam meas do’n dùthaich agus nam beannachd do’n t-saoghal, a tha leis an òl, air an call do’n dà chuid. Tha samhradh am beatha luchdaichte le laigsinn sean aois. 3. Tha bhi leantuinn an òil a’ tàrmachadh BOCHDAINN. Cha’n’eil ùin’ a’ lughdachadh firinn nan nithe sin. “Le diomhanas nan làmh snidhidh an tigh troimhe.” “Esan a leanas an déigh dhaoine diomhain, bithidh bochdainn gu leòir aige.” ’S iad cleachdanna dearmaid agus anabharradh òil is caithtich air earras duine na aon ni eile. Mar biodh ann ach luach na dibhe dh’fhòghnadh oighreachd do phòiteir fad a bheatha: am feadh a ta am pailteas air a struidheadh le mi-stuamachd, agus is broineagan agus bleideireachd a bhios na lorg. “Feudar airgiod a chailleadh no a chosdar fhaotainn; ach cha do thachair sin do’n aimsir a struidhear: cha ’n ’eil call ann co diùbhalach ris.” Is bitheanta le cunntas a phòiteir a bhi gearr. Gnoth- [TD 37] aichean air an dearmad—ceannachd amaideach air an deanamh,—creideas air a chall—fearann, tigh, agus airneis air an reic, agus an sin na maoir agus am priosun a chur crioch air an iomlan. Tha na chaidh a ràdh mu dhubhailc eile, fior m’an aon so “Gabhaidh e a bhiadh maidne maille ri pailteas, a dhìnneir maille ri bochdainn, agus a shuipeir maille ri tàir!” 4. Bheir deoch laidir air falbh A CHIALL. Tha am fear a bhios air mhisg, air mhearaichinn. Tha e co mòr as a riaghailt ri aon fhear cuthaich san rioghachd. Ma ni e cleachda bhi do ghnà air mhisg, falbhaidh a thoinisg, caillidh e a chuimhne, agus théid ceud-faithean inntinn uile an dolaidh, gus am fàs e fa dheireadh na ùmaidh. Nach bu docharach an ni do dhuine e fein a leòn gu tròm. Nach mòr is mò e chall a chéille? Is aobhar-thruais le daoinibh esan a rugadh na amadan, no a chaill a chiall le tinneas no le sgiorradh eile. Ach cha’n urainnear am feasd tàmailte gu leòir a thoirt dhasan a chuireas e fein as a riaghailt. 5. Cuiridh cleachda bhi ’n tòir air dibh laidir duine gun bhi na urrainn a bhi ann an companas caidreach ri muinntir eile. Ciod an cuspair air thalamh is mi-thaitniche agus is gràineala na fear air dall na daoraich? A’ bheil e’g oidheirpeachadh coiseachd? Faic mar thuislicheas e. Is gann a ghiulaineas a chasan clisbeach a cholann. A’bheil e ’g oidheirpeachadh labhairt! Ma tha e na urrainn a dheanamh, nach amaideach, draosda, agus mi-naomh a chainnt! Cha ’n ’eil aon chuid cainnt no giùlan, mothachadh no suairceas aige a bhuineas do neach na chéill. Tha e mi-iomchuidh air gach cuideacha chòir air bith; mi-iomchuidh air companas dhaoine, oir tha ’n ciall aca; mi-iomchuidh air comunn nam brùidean, oir mar thug duine fainear, “Tha na brùidean mar rinn Dia iad, ach tha ’m poitear mar rinn ana-mianna agus an droch-spiorad e.” Tha’n t-amadan bochd, a chaill a chiall le gniomh an fhreasdail, a’ faighinn cairdeis o gach neach a chì e; agus tha gach doras fosgailte dha chum aoigheachd fhialuidh a bhuileachadh air an t-seachranaich bhochd, chum fasgadh agus dion a thoirt dà. Ach ciod an teaghlach còir leis nach b’fhuathach ùipeir de dhuine misgeach gun mhothachadh gun toinisg a thighinn nam measg? Is gann is urrainn a chairdean is dìsle fhulang. Rinn geòcaireachd Nabail co mòr e na mhac do Bhelial, ’s nach feud neach labhairt ris. Nach bu neo-shuairc a fhreagradh do iarrtas Dhaibhidh, ag asluchadh beagan lòin dha fein agus d’a chompanaich a bha ’nan éiginn. Leis a bhrosnachadh laidir so, ghéill deagh nàdur Dhaibhidh do ’n bhuaireadh, agus dh’ fhalbh e fein agus a dhaoine fo’n làn armaibh chum dioghaltas a dheanamh air Nabal. Bha’n sin rogha mnà aig fear misgeach, agus ceithir cheud fear fo’n armaibh a tighinn a sgrios an teaghlaich. Ciod a ghabhadh deanamh? Bha clach no maide co iomchuidh air comhairl’ a thoirt ’sa bha Nabal. Chaidh corruich Dhaibhidh an tiot’ a dh’ aon taobh le crionnachd agus fiughantachd Abigail. ’Nuair a phill i dhachaidh, cha robh feum dh’i focal a ràdh ris, oir bha e ro-mhisgeach. Air an ath-mhaduinn ’nuair a dh’ fhalbh a dhaorach, dh’ innis i dha an caol thearnadh a bha aig an teaghlach. An [TD 38] sin bhàsaich a chridhe an taobh a stigh dheth, agus bha e mar chloich. Co dhiùbh is ann leis an oillt so, no le toradh gnà mhisg, cha ’n fhios duinn, ach cha robh e beo ach deich làithean, agus cha chuala sinn gun robh cumha no bas-bhualadh mu dhéibhinn. A chuid eile ri bhi san ath-theachdaire. LITIR EIRIONNACH. Fhuair sinn an litir a leanas o cheann ghoirid a Eirinn. Is duilich leinn gun do chum an Sgriobhair uainn ainm, agus ionad còmhnuidh; oir bu taitneach leinn co’-chomunn a bhi againn ris; agus bithidh sinn na chomain air son aon ni a chuireas e d’ar n-ionnsuidh, mu thimchioll staid na h-Eirinn. Smuaintich sinn gu ’m biodh ar Càirdean Gaelach toileach an litir so fhaicinn, anns a cheart dhreach anns an d’ thainig i, gun atharrachadh air bith, chum gu’m faic iad an dlù-dhaimh a tha eadar Cànmhuin na dà Dhùthcha. A dhuine uasail onoruighte, Le mheas mhòr, gabhaim cead anois lìtir bheag a chur chugad, ag ìarraidh do bharamhuile ar an chiùs so sìos. Is feidir le mo dhùil a bheith ar na sgrìobhadh ann beagan d’ fhocalaibh. Is mìan liom o fhios a bheith agam, ma’s feidir le Ghael Eirionnach, comhnadh ar bith do thabhairt duit san obair a ta tu deanamh, iodhon, sgriobhadh do leabhair mhòr lùaigh, an Theachdaire Ghaelaigh. B’ fheidir go m-beidh se iongantach, àmaideach ad’shùilibh, Eirionnach a bheith tairgeadh nidh ar bith don leabhar sin. Ach ni èigin damh a radh leat gur môr an chosmhulachd a ta eadar cainnt Ghaelic na n Albannach agus nan Eirionnach. Is beag an feum a ta agam ar d’innsin go d-tuightear Gael Albannach go ro mhaith ’sa choigeadh thuath d’Eirinn, ’sè sin Uladh; agus ar mo thaobhsa, feadamsa do leabhar a leigheadh gan mòran trioblòide. Ach nìl me dearbhtha ar aon chor go d-tuigeann na h-Albannaigh fear Eirionnach go lèir, agus go mbeith sgribhinn Ghaeil Eirionnaigh, soillèir so-thuigsin dòibh. Cha raibh mefèin ariamh sa Ghaeltachd, agus cha’ n’ fhacas ariamh Gael Eirionnach do bhì annsin: uime sin taim aineolach go hiomlàn ar an chùis. Gidheadh, is aithne dhamh go d-tainic mòran do chlannaibh Chònail, agus go mhuintir eile amach as a Ghaeltacht fad’ o shoin, agus gur rinneadar aitriudhadh a g-condae Antruim, agus go bhuil a g-cainnt-san annsin gus an là aniù gan mòran aithriughadh. Tuille, ta oileàn beag a g-cùan an chondae sin dar ainm Ràtheri ann a bhuil an Ghaelic Albannach ar na labhairt gan choimh-measgadh ar bith. Da m-beidh na daoine aiteachas na h-ionaid sin, mùinte go ceart, budh fheumail agus luachmhor do leabharsa dhòibh: ach (le nàire a deirim è) ta an Ghaeltachd fàda fàda roimh’ an duthchaidh so a thaobh fhoghluim; agus nil ach tamull beag aimsire o shoin, do thòisigh cuideachd do dhaoinibh uaisle, tir-ghradhaighe, sgoilean Gaelic a chur ar bun san choigeadh so, agus leabhair Gaelic a chur a g-clò gach bliadhan o so amach. Ge a ta do Theachdaire ar na chur amach ar son na Gaeltachd’ amhàin, ta dòchus agam go mbeidh gradh brathaireamhuil eadar na Gael ann gach tir, mar do bhi anallòd; agus go d-taitneocha rud [TD 39] beag a thiomchioll Eirinn bhoicht ar uairibh la na hAlbannaigh. B’ fheidir liom càileigin do shean-sgeultaibh na tire so, no mion-chunndas ar a neithibh, ’sa h-aitibh iongantacha do thabhairt duit; ’sas eigin duit a fhios a bheith agad go bhuil mòran da leithid sin ’nar measg. Ann aon fhocal, budh mhaìth liom, a dhuine fhoghlumhtha, do n-inneosa dhomh san g-ceud aireamh don Teachdaire, ma ’s feidir liom a bheith feumuil duit, le sgrìobhadh ann mo chanmhuinn féin. Agus anois, ag fanmhuinn no go g-cluinfe me d’fhreagra, Is me, do charaid, firinneach deagh-thoileach. O. DOMHNUILL. Ag Beul-fears’ de, Bealtain. 1830. BATA NAN SPEUR.* O cheann ghoirid bha aon diubh so air a nochdadh ann an Glaschu, a dh’éirich suas am fianuis àireamh anabarrach shluaigh, a bha cruinn chum an sealladh fhaicinn. Dh’ éirich e suas, le dithis fhear sa charbad, gu àirde mhòr anns an athar, agus an déigh dhà bhi air a luasgadh air ais agus air adhart anns an iarmailt, fo mheachainn an t-soirbhis, theirinn e gun sgiorradh gun tubaist, mu sheachd mìle, taobh na h-àird an Ear do Ghlaschu. Tha seachd bliadhn a’s dà fhichead o na dh’ fheuchadh an toiseach ris an innleachd so. Bh Fhràngach a cheud fhear a dhìrich suas ann am Bàta nan Speur, ann an Ceanna-bhaile mòr na Fràinge; agus ’se Eadailteach, d’am b’ainm Lunardi, a cheud aon a dh’ fheuch ris ann am Breatunn. An là chaidh esan suas ann an Dun-eidin, bha ’n sluagh a bha cruinn thar tomhas mòr, thainig laigsinn air mòran do’n chuideachd, agus chaochail aon bhan-tighearna leis an eagal. Tha na Bàtaichean so, no na Carbadan speur so, air an deanamh de shioda làidir, cruinn na chumadh, mu leth-cheud troidh air tuighead, no sa choislinn.* Tha ’n t-aotroman mòr sioda so air a lìonadh le gnè àile ni ’s eatruime na àile cummanta nan speur, agus an lorg so tha e ’g éirigh os a cheann ceart mar dh’éireas àrcan air uachdar uisge. Crochta ris a chruinn-Mheall mhòr so, tha carbad beag anns a bheil iadsan a tha dol air a chuairt-adhair so a suidhe, agus ’nuair is miann leo tearnadh, leigidh iad as beagan de’n deataich a tha anns an aotraman mhòr. Tha cuid de dhaoin’ ann a tha meas gur peacadh an oidheirp so a thoirt, agus gur dalma an ni do mhac an duine bhi seòladh roimh ’n adhar; ach ’s faoin an smuainteachadh so; oir cha’n’eil teagamh sam bith nach feudar na Bàtaichean speur so a thoirt chum a leithid de fhoirfeachd’sa dh’fhàgas feumail iad ann an rùin dhiomhair an Fhreasdail, chum leas a chinne-dhaoin a chur air aghaidh. Cha ’n’eil a dhì orra gu so a dheanamh ach inneal stiùraidh, agus acfhuinn, leis an oibrichear iad mar loingeas air chuan, agus cò dh’ fheudas a ràdh bheil so eacomsach? Cha’n fhada o’n a shaoilte gun robh an duine sin as a * Balloon. † Diameter. [TD 40] bheachd, a theireadh gu’m faiceamaid r’ar latha fein loingeas gun seòl gun ràmh, a’ siubhal gu luath o àite gu àite gun suim do shruth no do shoirbheas. Cò a shaoileadh gum faiceadh e Carbadan, agus Fèunaidh mhòr a’ falbh air lom an rathaid, le luaths’a mhiolchoin, gun each gun ainmhidh, agus gu labhairt ’an cainnt chumannta, cò ghabhadh mar a bheoshlaint an t-àm sin fhaicinn sam bi na Bàtaichean adhair co lìonmhor ris na Bàtaichean smùide, leis am bi daoine air an giùlan leo thar muir a’s monadh, ge b’e taobh is miann leo. T. O. SORAIDH BHUAN DO’N GHAELTACHD. Tha nis an t-àm air dlùthachadh San eiginn domh bhi dealachadh, Ri garbhlach nan stùcan, Is cluainte glas nam bealaichean— Ri réidhlean gorm nan ròsan, A bharra-gheal is an neonain— Ri Albainn’ dachaidh m’òige, Is àros chliùiteach m’athairichean. Gur cianail nis a tà mi, S’ gur tùrsach, trom tha m’aigne-sa, Bhi smaointeach air na làithibh, Tha nis gu bràth a seachad orm; Air mire ’s aighear m’òige Sèimh mhaisealachd nan lòintean, Air sealg a dol an òrdugh, ’S air còisridh bhinn na maduinne. Gur mise tha fodh bhruaidlean, ’S cha chomas domh bhi farasda, Tha mulad mor gam ruagadh; ’S tha smaointe trom air m’aire-sa— A mi bhi nise fàgail, Mo chompanach ’s mo chairdean, An tìr san deachaidh m’ àrach, Bhi nis gu brònach dealach uaip. Gur tric air maduinn shamhraidh, Chaidh mi a mach sa chamhanaich, Measg grinneas àluin gharbh-chrioch, Is cas-chreag àrd a langanich; A beachdachadh le sòlas. Air ciatachas na bòichead; Air àireamh ’s maise stòras, No cuairte feadh a farsuingeachd. Se coill ’nam bad a b’fhiu leam. Se craobh nan dos bhi n t-aice rium, Fodh dhuilleach uain’ a lùbadh, Gu dosrach ciùin; a b’ aite leam— Be’m’ annsachd riamh bhi dlŭ ri, Ard-choille is òg-fhiùrain, Is beithe’n fhàile chùbhraidh, A lùb fo dhrùchd na maduinne. Gur e mo rùn ’s mo dhèighsa, Coill’ o’n d-thig pongaibh mileanta— Gorm-luachair, eoin nan geugaibh, A’ seinn air barr nan meangana. Gur blasd air maduinn òga, An uiseag is an smeòrach, Is teaghlach beag na còisridh, Gur binn co-sheirm an ceileireachd. ’Sann leam a b’ait bhi direadh, Ri beanntaibh àrd nam firichean; Feadh ghleann is ghlachd is fhrìthean, Is aoibhinn tric bha m’imeachdsa— San leamsa riamh a b’aobhach, Bhi siubhal ris an aonach, Sam bi ruadh-dhamh is maoisleach, A’ gabhail cuairt, ’sa mire air. Air feasgar bòidheach ceitein, ’S minic subhach rachamsa, Gu sruth nan gleann a dh’eisdeachd Ri’n toirmrich sheimh dol seachad orm: ’M aonar ’s tric a bha mi, Gu glachdan gorm nan àrd-bheann, Aig gabhail ceòl sa mànran, ’S Mac Talla thall a freagairt dhomh. Ged tha mi nis a trialladh, Chum dùthaich chian nach aithne dhomh— [TD 41] Tha mo chridhe ghna ’s mo mhiannsa, An tir mo ghràidh gun ath’rachadh; Ach gabham cead an tràthsa, D’on tir ata mi fàgail, Mo bheannachd nis gu bràth aic, ’S gun robh gach sonas maireann innt. Mo bheannachd leis gach treun-laoch, Fearail cròdha curanta, A Chompanach nach tréigeadh, ’S nach diobradh an àm cunnairt e:— Buan-shoraidh’ a Ghaidheil threuna, Dhuibh fein, do’r tir ’s do ’r n-éididh, Mo bheannachd leibh le deuraibh Cha’n fhaic—cha ’n fhaic mi tuille sibh. Lan shonas chaoidh is sòlas Fhior chompanaich gar leannachdsa, Caomh-chomunn aìgh am òige, Mo dhúrachd mhaith ’s mo bheannachd leibh; Le ceol is aighear ’s sùgradh, Stric subhach bha ar n’ùine, ’S o’m crídh’ cur e mo rùnsa, A ghnà bhi chòmhnuidh maille ribh. Nis beannachd leibh a chairdean Is soraidh bhuan mun dealuich sinn— Le Adhall san deachaidh m’ àrach, Srath-Tadh’ as Tulaich-mhaighte thall! Beannachd leis a Ghaeltachd, ’S ged tha mi nis ga fàgail, Se gu mòr a b’fhearr leam, Gum be gu bràth mo dhachaidh i. Lagan-Ràt, 1830. D. F. LOCHABAR NI’S MO. Cead slàn le Lochabar ’s le Síne mo ghaoil, Leis am b éibhinn mo laithean air àiridh an fhraoich— Lochabar ni ’s mò—Lochabar ni ’s mò, Ach dh’ fheuta nach till sinn do Lochabar ni ’s mò! ’S e t fhàgail mo Shìne chuir mi shile nan deur ’S cha’n e eagal ro nàmh air dearg-àraich nan creuchd, Na siubhal a’n cein air cuan beuchdach thonn mhòr, Gun mo dhùil ri tigh’n dhachaidh do Lochabar ni’s mò! Ach se àilleachd na maighdinn agus aoibhneas a gràidh, Duais eudmhor nan gaisgeach a’s euchdach astar ’s na blair, A dhealras romh mhìltean an cùis an righ a’s an daimh, Choisneas cliŭ agus onoir bho theudaibh soluis nan clàr. Mar sin iarram gun adhadh aodan cath nan lann geur, ’S ma’s dù dhomh tigh’n dhachaidh ’n cliu maireann nan treun, Bheir mi cridhe ga h ionnsui’ a bhios iomlan gun ghò, ’S cha’n fhàg mi mo chaileag a’s Lochabar ni ’s mò! CREAGANACH. FREAGRADH D O LITIR AN AISLINGICHE. A Theachdair’ urramaich, Ann an àireamh xii leugh mi litir o dhuine ta air a chiùbhradh ’s air a riasladh le aislingibh [TD 42] na h-oidhche. Tha ghalar cho-coltach ri m’ ghalar fein ’s nach dùraichd mi gu’n fhàilte chur air. ’S iomadh oidhche fhliuch fhuar a ta mise air chuan, ’s an fhairge na caoraibh geala dol tharum,—’s iomadh oidhche tha mi gam’ ruagadh le tarbh’s mi gun chomas mi fein a thoirt as, agus ’s gann gu bheil oidhche nach ’eil mi ’dol le stallaidh ceudan aitheamh air àirde! Thug mi o cheann ghoirid gu leughadh leabhraichean feuch idir am faighinn a mach cia aca bha no nach robh seadh ann am bruadair, agus, le’r ceadsa, innse mi nis do’m bhràthair an t-Aslingiche mo bharail. Tha mi làn chreidsinn gu bheil ann an lionmhoireachd aislingean, mar ann an lionmhoireachd bhriathar, mòran diomhanais, (Eccles. v. 7.) ach tha mi creidsinn cuideachd, feumaidh mi chreidsinn gu bheil Dia ’labhairt aon uair, seadh dà uair ged’ nach toir duine fainear, ann an aisling, ann an sealladh na h-oidhche, ’nuair a thuiteas codal trom air daoinibh; Iob. xxxiii. 15. 16. Tha cuid de dhaoine ’s ar leo nach’ eil e duineil geill a thoirt do aislingean, ach se mo bharail fein, a labhairt na firinn mar tha i am chridhe, an neach a chuireas cùl ri aislingean gu h-iomlan mar ni gun seadh gu’m bheil e cur cùl ris a Bhiobull! Thainig Dia gu Abimelech ann an aisling san oidhche. Labhair aingeal an Tighearna ri Iacob ann an aisling. Bu chomharaichte dà aisling Ioseph!—aisling righ Pharaoh, agus an t-saighd’ear Iùdhaich. Thainig an Tighearna gu Saul, gu Solamh, gu Daniel, agus gu Nebuchadnesar ann an aislingibh na h-oidhche, agus thainig iad uile gu crìch! Is gealladh e a bhuineas do linn an t-soisgeil gu’m bruadair ar seann daoine bruadar Ioel ii. 28. agus chaidh a choimh-lionadh, ann an cuid, ’nuair thainig an t-aingeal gu Ioseph ann an aisling mu àm bréith ar Slanuighear! ’S ann ann an aisling na h-oidhche fhuair e rabhadh teicheadh do ’n Eiphit, agus a chaidh innse dha mu bhàs Heroid, agus co chuireas an teagamh nach h-ann o’n àirde bha bruadar bean Phontiuis Philate? Do thaobh ciod is aobhar do bhruadara cha’n urrainn mi dheanamh a mach. Tha’n t-aobhar a ta ’n “T-aislingiche” ’toirt seachad air innse cho bòidheach ’s gum bheil mi ullamh gu’ chreidsinn co aca tha e fior no nach ’eil. Tha’m Feallsanach Baxter a’ cumail a mach gum bheil iad a tighinn o spioradaibh neo-chorpara, a ta thaobh-eigin a’ cogar an cluais na h-inntinn! Dh’fhaodainn mile dearbhadh a thoirt o eachdraidh gu bheil seadh aig cuid de bhruadair. Bhruadair Alcibiades beagan m’an do mhortadh e dìreach mar thachair.—Dh’innis Pelitius roimh laimh, o aisling a bhruadair e, mar thachair do Phompey. Mu thuairm tri cheud bliadhna roimh theachd Chriosd dhiult Iaddau, àrd shagart nan Iudhach, mionnachadh a bhi dileas do Alastair uaibhreach mac Philip. Thog Alastair uaibhreach air’na chorruich a chum Ierusalem, eadar shagarta agus shluagh a sgrios gun tròcair! ’Nuair chuala Iaddau so dh’òrduich e là troisg agus irioslachaidh, agus air an oidhche sin fein bhruadair e nach éireadh dochann aon chuid dha fein no do’n Bhaile-mhòr,—e dh’ fhosgladh nan geatacha, agus nuair chitheadh e Alastair uaibhreach a tighinn le [TD 43] chuid feachd dol a mach na choinneamh ann an éideadh an ionaid naoimh. ’S ann mar so a bha, dh’ innis Iaddau ’aisling’, rinn gach duine deas, agus cho luath sa thainig Alastair am fradharc chaidh Iaddau fein a mach air ceann a chò’lain bhig air éideadh ann an corcur, an scarlaid, agus leis a chrùn-sagairt air an robh ainm Dhe. ’Nuair chunnaic Alastair uaibhreach an t-àrd shagart ghabh e air aghaidh agus rinn e aoradh do’n ainm a bha air a chrùn-shagairt! Ghabh a shluagh mòr ioghnadh agus dh’ fheòraich iad ciod bu chiall da? am fear a bha na chuspair-aoraidh do’n t-saoghal e fein a nis a sleuchdadh do shagairt! “Cha ’n e ’n sagart” ars’ Alastair “d’ am bheil mi sleuchdach, ach an Dia a ta e’giùlan ainme. Tha cuimhn’ agam ’nuair bha mi ann am Macedon, a’ cnuasachd ciod mar chìosnaichinn Asia, gu’m faca mi ann an aisling a cheart duine so air éideadh mar tha e nis, agus ’se ’chomhairlich dhomh falbh, agus a rinn cinnteach mi a buaidh fhaotainn air Darius.” Tri laithean m’an deach Easbuig Smyrna a mhòrt arson a chreidimh, bhruadair e gun do loisgeadh a chluasag! Ach ciod a ruigeas mise leas tuilleadh a ràdh! chunnaic mi fein, agus chunnaic daoine creideasach a’s aithne dhomh bruadair cho comharaichte ’s gu’n d’innseadh dhuinn roimh laimh an coimhlionadh! ’S aithne dhomh bantighearn a bhruadair gu’n robh a bràthair a marcachd capuil, agus gu’n do thilg si e: beagan na dheigh so chaidh a bhàthadh! chunnaic mi fein gu’n do chaill mi fiacail beagan m’ an do shiubhail bràthair caomh dhomh! Arson a bhi’n crochadh le ròineig ris a ghealaich, ’s a’n leithide sin, cha ’n ’eil annt’ ach tròma lighe: theagamh gu’n robh a churrachd-òidhche bhar an Aislingiche, no gun robh car’na amhaich air an adhart. Bh’fhearr leam co dhiu, gun deanadh se e fein aithnichte do ’n GHAEL ANNS A BHAILE. AN TEAGAMH. Si cùis bu mhiann leam fhiosrachadh, Le rùn ’us dùrachd mòr ’M bheil gràdh agam do’n Tighearna ’M bheil agam annsan còir? Nam’ ghrădh leam e, am buanaichinn Fo bhàs, cho fuar gun stà? Cha b’urrainn iadsan bhi nis truaigh, Nach cuala riamh mu’ ghràdh. Am biodh mo chrìdh cho mairtheann chruaidh? Urnuigh na h-uallach mhòir? Gach diomhanas gun stà ga m’ chràdh Nam ghràdh leam Righ na gloir? Nuair dhearcam le mo shùil asteach, Cia diomhain dorch mo chrìdh! Truaillidh, lan do dh’ as-creidimh Mo thruaighe! An leanabh mi? Nuair dh’ èisdeam, leugham, dh’ asluicheam, Tha m’euslaint throm ga m’chlaoidh; Sibhs’ le’n ionmhuinn Dia gu fior, An cor so, an aithne dhuibhs’? S bròn leam mo thoil a bhi co rag; ’S daorsa dhomh ciont an gnàth: An deanuinn caoidh airson mo thruaigh ’S mi buileach fuar gun ghràdh? Am b’ ionmhuinn leam do chairdean caomh, An t-slighe dhireach réidh? A faighinn ann aon ghealladh brìgh, Mar b’ionmhuinn leam thu fein? [TD 44] A Thighearn! cuir a’ teagamh mi, Do d’ shluagh ’s tu fein is grian; Dealraich air toradh òg do ghràis, Ma se ’s gun d’ fhàs e riamh: Guidheam gun gràdhaicheam ni’s mò Ma thug mi riamh dhuit gràdh; Deonuich, mar d’thug, gun tòiseaicheam, Gun dàil a chuir an là. Ead. leis an EILEANACH. Bratach Thighearna Chola. Bha toil aig Mac’ Illeathain Dhuairt an cothrom a ghabhail air Tighearna Chola, le oidheirp a thoirt air an Eilean a ghlacadh; agus chaidh e gu math air aghaidh chum Caisteil Bhreachdachaidh a ruigheachd m’an d’thugadh an aire dhà. ’Nuair a thachair so, chaidh Tighearna Chola na ghrad uidheam leis na dh’fheud o ga chuid daoine, agus chaidh e mach na chòdhail. Choinnich iad mar mhìle do Bhreachdachadh, air baile d’an ainm Tot-raonuill. Ann an deanamh deas fa chomhair a chatha, thug Triath Chola fainear gun do dhi-chuimhnicheadh a bhratach, ni a chuir doimhneadas mòr air. Na gabh ort e, arsa sean cheatharnach làidir gramail, ’se teachd gu toiseach na muinntir, a’ tilgeadh uaith a bhoineid, agus a leigeadh ris ceann maol sgailceach, air an do chuir e a làmh. So a deir esan, bratach nach téid troidh air a h-ais gu h-oidhche. Cha ruigear a leas a ràdh gun do ghlac an t-aon mhire-chatha an t-iomlan diubh. Chaidh iad an sàs annta, agus chuir iad ruaig iomlan air an naimhdibh. B’e ainm an t-seann laoich sgailcich, Dòmhnull Mùgach. Agus ’se ainm an àite ’san do chuireadh an cath, Sruthan nan ceann. D.C. Ead. le P. M‘F. A Theachdaire Ghaelaich, Tha mi a’ faicinn, agus tha mi a’faicinn le taitneas, gum bheil sibh a togail ’ur guth an aghaidh mòran deth na barailean mearachdach, ga bheil ar luchd-dùthcha a toirt géill. Se dùrachd mo chridhe, uime sin, gun soirbhicheadh libh agus gum bitheadh an Teachdaire ri fhaicinn anns gach àite ’s am bheil a Ghaelig air a labhairt. Ged tha sibh a’ faotainn cus miodail, is còir an fhìrinn innseadh: is éiginn dhomh a ràdh gum bheil dòchas agam gum bi sibh ’n ur meadhon air mòran eòlais a’ sgaoileadh air feadh na Gaeltachd. Ann an ùine ghoirid bithidh gach amaideas agus saobh-bharail air a’ fuadach air falbh; agus airson buitsichean agus fiosaichean cha bhi cas aca air an seas iad. Ma chi sinn feoghainn de ’n t-seòrsa so a’ gabhail mòran orra, cha bhi againn ach a ràdh riu: Thugaibh, thugaibh, bo! bo! An t-Olladh Leodach ’s biodag air; Faicill oirbh an taobh sin thall, Bheir e an ceann a thiota dhibh. Tha aobhar againn a bhi taingeil nach eil air luchd-dùthcha faisg air co aineolach ’sa bha iad o cheann beagan bhliadhna. Ged is faoin an duine Iain Mòr, théid e seachad air a chladh air an dubh mheadhon oidhche, gun fhiamh, gun eagal. Na’n innseadh Alastair Aotram gu’n cual e ceòl anns a chnoc bhiorach, theirte gun robh e air bhoile: agus nan abradh [TD 45] Gille-nan-litir gun d’thug na sìthichean togail do thùr a bhealaich, cha ’neil duine ’s an dùthaich a bheireadh feart air. Ach ged tha so mar so, tha mòran fhathast ri dheanamh: cha do thréig gach uile amaideachd sinn idir. Cha mharbhadh Dòmhnull Buachaille, mart air Di-h-aoine, ged bhitheadh bean-an-tighe gun fheoil fad na bliadhna. Tha mòr amharus aig Fionnladh Brocair gur h-i a chailleach Ruadh a chunnaic e a dol tre’n bhuaile, ann an riochd maighich; oir ged thilg e oirre dà uair, cha do dhearg an luaidh air a craicionn. Tha feoghainn ’s an dùthaich air nach toir an saoghal a chreidsinn, nach eil Murcha nan cleas a dol a dh’Eirinn, gach bliadhna, ann an gucag uibhe; gun fhios c’arson a ta iad a toirt creideas do leithid, ach gun dubhairt Donncha Seoladair (neach leis an deise a bhreug na’n fhìrinn) gu’m fac e fein e a seòladh seachad air eilean nam Manach. Tha Màiri nan gisreag an dùil nach eil lighiche ’s an dùthaich cho maith rithe fein, agus a gabhail oirre nach eil tinneas sam bith nach striochd da cumhachd. Loisg Coinneach na grìosach a chas an la roimhe—chuir e fios air Màiri, Leighisidh mise thu a thiota ars’ ise: cha bhi agam ach buintinn si do chois le m’ theangai, agus fo cheann seachduin bithidh i slàn; nach bitheadh mo theanga fein co maith ri d’theangasa arsa Coinneach? Cha bhitheadh idir arsa Màiri, oir dh’ith mise deth àinean na beisd-duinn. Bha Calum lapanach a’ fulang leis a ghréim lòinidh agus thàinig Màiri dh’amharc air: Cuiridh mi Eoghan far am bheil thu, ars’ ise, dannsaidh e air do dhruim, agus cha bhi beud ort—thainig Eoghan dh’ ionnsuidh an t-saoghail air dhoigh nach ainmich mi. Tinneasan eile cuiridh i air falbh le gisreagan. Air uairibh cuiridh i tinneas neach eile oirre fein. uairean eile air a chù bhreac, uairean eile air a choileach dhubh. Tha duine na mo choimhearsnachd a chuir fios air Màiri o cheann ghoirid. Ubh! ars’ ise, ghabh sùil ort, ach leighisidh mise thu gu h-aithghearr. ’S ann mar sin a bha: co bha tinn ach Màiri? bha i faisg air a bhàs. Ciod a ta ’cur ort, a Mhàiri arsa Fearchar. Tha mi cinnteach, fhreagair Mâiri, nach eil thu gun fhios agad; chuir mi do thinneas orm fein. Mata, arsa Fearchar, gu an fhìrinn innseadh, cha robh mise idir tinn: ach tha mi anis fiosrach gum bheil thusa a mealladh muinntir, le bhi tagradh dhuit fein cumhachd nach eil idir agad. Tha mi a’ guidhe oirbhse, a Theachdaire, comhairle a thoirt do na mealltairean sin, agus do ’n mhuinntir a ta air am mealladh. Cha ’n eisd iad riumsa—ach dh’ eisdeadh ribhse, oir tha earbsa mhòr aca as bhur gliocas. Le so a dheanamh cuiridh sibh comain air ioma neach agus gu h-âraid air. IAR-THUATHACH. MANAIDHEAN. An diugh chunnaic mi’n searrach ’sa chùl rium, o cheann tuille ’s mìos chunnaic mi ’n t-seilcheag air an lichd luim; ’se sin air a cheum-choise ri taobh an rathaid, mar thigeadh do dh’fhear coiseachd: Air son na cuathaige, tha e gu math deacair do fhear a bhios sa bhaile mhòr a cluinntin, [TD 46] an t-aon chuid le mìr, a bhi no gun bhi na bhroinn. Nam buininns’ anis do’n t-seann saoghal, agus do na daoinibh gisreagach a dh’ fhalbh, theirinn, mar thuirt Iacob, Tha na nithe ud uile a’ m’ aghaidh; no theirinn mar thuirt an Seana Ghael, S’ eagallach mi nach téid a bhliadhna so leam. Cha’n ’eil annta sin ach gisreagan agus rabhachdan dhaoine saoghalta, agus, feudaidh e bith gu’m faigh iad freagradh saoghalta, d’a réir, ach rabhachdan a chreidich, tha iad a mhàin air am faotuinn ann an geallaibh an t-soisgeil; ’s e sin focal De. Ciod mar bhiodh dùil agamsa gun sealladh comharan saoghalta d’am thaobh, ach mar sheallas an saoghal fein, agus mar sheall e riamh—gu dubharach duaichnich, mar mhuime choimhich fhuair gun tlus? Do thaobh nithe nàdurra, ’s e sin, ’nuair a sheallas mi air taobh an t-saoghail, c’arson a shaoilinn gu’m biodh iad ni b’ fhàbharraiche do m’ thaobh air a bhliadhna so na bha iad air gach bliadhna a chaidh seachad? ach ’nuair a sheallas mi air taobh Dhe, tha ’fhreasdal caomh, ’sa ghràs ro-thròcaireach:—O so iunnsaich an seoladh so, O! m’ anam! na gabh suim de chomharan saoghalta, ’s na cuir taic an gairdein feòla; ach cuir do thaic ri Dia, o’m faigh na dìlleachdain tròcair. SEUMAS. AN SAOGHAL. Bi’bh falbh, bi’bh falbh, a smuaintean faoin, Cha toir mi éisdeachd dhuibh san àm; Le’r miodal tlà, ’s le’r dealbhan bréige, Cha leur dhomh rìs an ròd ach càm. Com an d’thugainns’ gràdh do’n t-saoghal? Mar mhuime choimhich fhuair o thùs: Cha d’ fheuch e cairdeas domh na caoin, Ach dhearbh e ascaoin domh ’s gach cùis. Bha mi ’na eis’meil iomad uair, Mo thruaigh gun robh! oir dh’ fheuch e luath, Cairdeas no caoin nach robh do m’thaobh, Ach cùl na laimhe, ’s anail fhuar. Ach deanadh iads’ am bun de’n t-saoghal, Tha faotainn caoimhneas maith, a’s càird; Ach dhomhsa cha’n’eil math no brìgh, Ach anns an Ti a ta os àird. [TD 47] Na’n gabhainns’ anns a pheacadh saors’, Bu ghast’le saoghal bhi tabhairt duais; ’S nan labhrainn mar a dh’iarradh e, Bu chaomh mo chonaltradh gach uair. Nan deanainn miodal ris, a’s géill, D’a chleachda eacorach, ’s da chéill, Thionndadh a chridhe rium gu blàth. ’S gu bràth cha bhiodh e rium ’am feirg. Ach coma leam do mhiodal ciùin; Tha puinnsein folaicht’ ann ad bheul; Marbhtach tha d’anail do mo chliù, ’S do chomunn sŭgadh do mo chré. Ged sgaoil thu t-àilleachd roi’ mo shúil, Tha cliùchdaireachd a steach fo d’ chléith; Ro chaochlaideach tha d’ aigne fhuar, ’S gur faide uam thu’n diugh na’n dé. Cha toir thu sonas daingeann buan, Cha’n’eil thu ann ach faileas bréig; Carach, ro-iomluaineach gach uair, A’s com an seallainns’ ort le speis? Cha toir thu sonas, ’s suaimhneas crìdh, Cha’n’eil iad agad ri’n toirt uait; Is iads’ a ni asd’ taic a’s dìon. Ni thu sa chrìch an diobradh truagh. Feuch dhomhs’ an duine tha gun ghaoid, No’n t-aon san t-saoghal a ta gun olc, Is feuchaidh mise dhuit an Ti A bheir dhuit dioladh as gach lochd. Ach dhomhs’ gur fearr bhi sealltainn suas, Mar chirc san anamoch ris an spàrr; ’S bhi fuasgailt mar mo chleoc do’n t-saogh’l’ ’S uil’ fhaoineis saltraidh mi fo m’ shàil. SEUMAS [TD 48] NAIGHEACHDAN. ’S ann le mòr dhoilghios a chuala sinn ar n-àrd Uachdaran saoghalta Righ Deorsa an Ceathramh: Duine co caomh-chridheach, agus Righ co dleasnach ’s a shuidh riamh air Cathair Bhreatuinn. Cha ’n ’eil e ’nar comas san Aireamh so, a bheag a ràdh mu thimchioll na cùise so ach m’as beo sinn gus an ath mhìos labhraidh sinn tuille uime. Rioghaichidh am bràthair is faigse dha ’na àite, fo ainm Righ Uilleam an Ceathramh. Tha cosnadh soirbh r’a fhaotainn; ach tha mhin ag éiridh; agus cha ’n ’eil am miagh a b’àbhaist air crodh no air caoraich. Tha san àite so coslas maith air a bharr. LEABHRUICHEAN URA GAELIG. Thainig o cheann ghoirid cuid diubh so d’ar n-ionnsuidh, agus tha sinn a meas iomchuidh an ainmeachadh ann an so, ge nach ’eil e ’nar comas ’s an àm cùnntas mion a thoirt m’an timchioll. Tha leabhar ùr d’ an ainm “DLEASANNAS NA CLOINNE, bhi ’g iarraidh agus a gràdhachadh Chriosd. Leis an Urramach Donncha Grannt, ministeir Fharais.” Leugh sinn am leabhar beag so le mòr thaitneachd. Tha e do rìreadh anns gach dòigh na leabhar maith-cha ’n aithne dhuinn ni’s fearr do ’n t-seòrsa: tha e maith ’sa Bheurla, ’sa cha do chaill e ’bheag ’s an eadar-theangachadh. Tha ghaelig gasda. Fhuair sinn dà leabhar eile, a chuireadh ’an Gaelig le Iain Rose ann an Abaràrdair—UBHLAN OIR, airson muinntir òg, le T. Brooks. Agus “AN GILLE RUITH NEAMHUIDH, le Iain Buinian.” Tha’n dà leabhar so luachmhor le gach creidmheach a leugh iad riamh. Dhùraiceamaid iad a bhi anns gach tigh ’sa Ghàidhealtachd—Soirbbheachadh leis-san a chuir a mach iad ’an Gaelic co furasd’ a leughadh agus a thuigsinn! agus mòran taing dha airson a dheagh litireach. FOCAL SAN DEALACHADH. Tha sinn ag ìocadh mòran taing d’ ar càirdean lionmhor air son an caoimhneis. Bheir sinn o àm gu h-àm àite do na nithibh luachmhor a chuireas iad d’ar n-ionnsuidh. Maclure, Printer, 56, Trongate, Glasgow. [TD 49] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRUIDH. XV. AIREAMH. 1830. MU NA LEITHSGEIL A THA DAOINE GU MINIC A’ TAIRGSE AIR SON A BHI FUIREACH AIR AN AIS O SHUIPEIR AN TIGHEARNA. ISA. lvii. 14. “Thugaibh air falbh gach ceap-tuislidh a rathad mo shluaigh. Dh’oirpich sinn roimhe so, nàdur Sàcramaid na Suipearach a mhìneachadh, agus an t-uidheamachadh a ta feumail chum teachd air mhodh iomchuidh chum na cuirme sin. Ach ged is i àithne dheireannach ar Slanuighir so a dheanamh mar chuimhneachan air-san, agus ged is meadhon gràis an t-òrdugh so, co tarbhach air son maith anama dhaoine; is cianail ri thoirt fainear an àireamh mhòr a tha ’g aidmheil a bhi nan Criosduighean, a tha fuireach air an ais o’n chuirm ghràidh so, a dh’aindeoin gach cuireadh càirdeil a tha iad a’ faotainn. Tha a leithsgeul fein aig gach neach, leis a’ bheil e ’g oir’peachadh a choguis a thàladh gu suain, agus a chur mar fhiachaibh air féin gu bheil e tearuinte dhà, dàil a chur an géill a thoirt do àithne shoilleir agus dheireannaich Chriosd. Tha dòchas againn, uime sin, nach measar mi-iomchuidh gun labhramaid beagan air cuid de na leithsgeulan sin is bitheanta chluinnear o dhaoinibh. ’Se ’n leithsgeul is cudthromaich tha cuid a’ gabhail, nach ’eil iad airidh air teachd air an aghaidh; gu bheil fhios aca gur peacadh trom tighinn gu neo-iomchuidh, agus uime sin gur tearuinte dhoibh fuireach air an ais. Tha’n lethsgeul so leis am bu mhiann le cuid de dhaoine urram a thaisbeanadh do’n òrdugh, ag éiridh, mar is ro thrice, o aineolas, ann a mheud agus nach ’eil iad a’ toirt fainear an t-eadar-dhealachadh soilleir eadar duine bhi NEO-AIRIDH ann fein, agus an comanach a ghabhail gu MI-IOMCHUIDH. Tha’n droing is fearr neo-airidh, agus an deigh gach saothair agus uidheamachadh is urrainn duinn a dheanamh, tha sinn an seadh àraidh neo-airidh air an spruileach a thuiteas o bhòrd an Tighearna, gun tighinn air suidhe sìos aig cuirm co shòleimde. Mar gabh deisciobuil Chriosd an comanach gus am mothaich siad iad fein làn airidh cha’n’eil fhios c’uin a thigeadh iad air an aghaidh, Mar is mò a leigeas Spiorad nan gràs ris do dhaoinibh an staid fein, agus [TD 50] naomhachd fior-ghlan an De sin ris a bheil an gnothach, is ann is mò a mheasas iad iad fein mi-iomchuidh air dlùthachadh ris. Cha’n airidh sinn air an earrainn is lugha de thròcair Dhe, a tha sinn co saibhir a’ mealtuin ann an sochairibh aimsireil agus spioradail; ach a’ bheil sinn uaith so ri cùl a chur riu a chionn nach ’eil sinn airidh? Tha sinn neo-airidh air uiread agus ar sùil a thogail suas ri ionad a chòmhnuidh, ach a bheil sinn do thaobh sin air ar bacadh o ùrnuigh a dheanamh? ’S ann do na ciontaich agus na peacaich a tha ’n cuireadh teachd air an aghaidh air a thoirt. Tha mothachadh air sinn a bhi peacach na earrann fheumail d’ar n-uidheamachadh. Ma chuireas duine bochd cùl ri tabhartas an fhiughantaich, tha e neo-airidh air cobhair. Ma chuireas duine tinn cùl rìs an ìoc-shlaint a leighiseadh e, cha’n airidh e air slàinte; ach tha sibh gu soilleir a’ faicinn gur ann a chionn gu bheil e bochd bu chòir do’n dara fear gabhail ris an tairgse; agus gur e tinneas an fhir eile an t-aobhar is mò gu cùngaidh-leighis an léigh a ghabhail. Uime sin, ma ta, ma tha thu mothachail air do neo-airidhead, agus deonach air maitheanas agus gràs fhaotainn, is còir dhuit an iarraidh, cha’n ann a chionn gu bheil thu airidh, ach air son gu bheil feum agad air na beannachdan sin, agus gu’n caillear thu as an eug’ais. Cha’n e mhàin gu bheil feum agad orra, ach tha Criosd a’ toirt cuireadh DHUIT teachd agus sochairean fhaotainn a fhreagras do d’ uireasbhuidh. Ma tha aon neach a’ fuireach air ais, airson nach ’eil e airidh, a chionn nach ’eil e co iriosal, co diadhaidh, agus co naomha ’s bu chòir dha, agus gur ann da rìreadh ann an tréibhdhireas cridhe a tha e deanamh ’an aidmheil so, ma tha e mothachail air uallach a pheacaidh, agus a’ seasamh fad air ais, mar an t-aithreachan iriosal, le fiamh naomh air anam, ris an duine so theireamaid, Thig air t-adhart; ’si so an inntinn a tha freagarach; oir is ann doibhsan a tha ri bròn air son peacaidh a tha ’n cuireadh air a thoirt. Cha bhuin foirfeachd gràis do dhuine sa bheatha so; agus ma shaoileas aon neach gu bheil aige fein aon mhaitheas a thoilleas deadh-ghean no càirdeas De aig a chuirm so, tha e ga mhealladh fein gu mòr. Tha cuid ann a tha gabhail orra gu bheil iad a’ fuireach air an ais air eagal le teachd air an ais air eagal le teachd air an aghaidh gun itheadh agus gun òladh iad breitheanas dhoibh fein. Ma tha fhios aig an dream so gu bheil iad a’ caitheamh am beatha ann am peacadh follaiseach, gun ghràdh do Chriosd, no gun chreidimh ann, gun ath-nuadhachadh spioraid, agus gun naomhachd beatha, tha e ceart doibh fuireach air an ais; ach thugadh iad an aire gu bheil gach dleasnas eile air an d’théid iad m’an cuairt ag an-tromachadh an dìtidh, ’s gun ’éirich e ’am breitheanas nan aghaidh. Ciod an ni a tha daoin’ aingidh a’ deanamh nach ann g’an dìteadh a tha e? A’ bheil e teachd gu aoradh follaiseach Dhe? ’S ann a tha e chum a dhìtidh: oir éiridh gach focal a chluinneas e san àite sin suas ann am breitheanas na aghaidh, agus dìtidh se e. A’bheil e fuireach air ais o thigh Dhe? ’S ann chum a dhìtidh a tha e deanamh sin: oir tha e deanamh tàir air Dia agus air òrduighibh. A’ bheil e ri ùrnuigh na thigh fein? ’S ann a tha e ga cur suas chum e fein a chur fodha: oir is ann a tha e ga deanamh gu cealgach [TD 51] fiunnar gun an cridhe bhi sa ghniomh. A’ bheil e caitheadh a bheatha gun ùrnuigh? Is amhuil a tha e ga caitheadh chum e fein fhagail shìos: oir tha e caitheadh a bheatha as eug’ais Dhe ’san t-saoghal. An aon fhocal, cha’n urrainn a leithid sin do dhuine, a’ bhuanaicheas mar sin, aon ni a dheanamh ach fearg a thasguidh suas fa chomhair là na feirge. Am feadh a bhuanaicheas tu anns a pheacadh le d’ fhiosrachadh, gun aithreachas a ghabhail, tha aobhar da rìreadh agad fuireach o bhòrd an Tighearna, ach nan d’thugadh tu fainear e, tha’n t-aobhar ceudn’ agad t-aidmheil a thréigsinn, do bhaisteadh a thilgeadh dhìot, Criosd àicheadh, agus cùl a chur ri d’ chreidimh. Ach tha sinn am barail gu bheil mòran a’ gabhail an leithsgeil so, nach ’eil co eagallach roimh dhìteadh agus roimh bhreitheanas ’s a tha iad a’ cumail a mach. Oir is aithne dhuinn cuid diubh so a tha fuireach o na dh’iarr Criosd orra dheanamh, agus air nach ’eil sgàth sam bith na thoirmeasgadh dhoibh a dheanamh. Mionnaichidh iad, òlaidh iad, brisidh iad là na Sàbaid, agus iomad mi-ghnàthachadh eile. Uime sin is breugach an leithsgeul a tha iad a’gabhail, gur e eagal oilbheum a chur air Criosd is cionfàth air an cumail air an ais. Is beag mo chùram gur e agartas a sruthadh o choguis mhaoth is coireach. Cha ’n e, ach nach miannach leo idir a bhi naomha no snuim ùr a chur air an anam do Dhia, air eagal gu’m feumadh iad an leannain peacaidh a thréigsinn, agus am beatha a chaitheamh air dhòigh nach ’eil a réir r’am miann. Ann an aon fhocal, cha ’n ’eil an cridhe ann am fonn air son an òrdugh naomh, cha’n’eil suim aca dheth. Ghuidheamaid orrasan aig a bheil an lethsgeul nach ’eil iad uidheamaichte a thoirt fainear ciod an t-aideachadh a tha’n so? ’Se’n lethsgeul so, gu bheil iad as eug’ais gràdh do Dhia, no creidimh ’an Criosd; tha iad as eug’ais aithreachais agus naomhachd, gun mhaitheanas no còir air nèamh; tha iad an taobh a muigh de Chriosd, nan tràillean do’n pheacadh, agus do’n droch-spiorad, agus nan oighreachan air ifrinn. ’Se so staid gach neach a tha trìd am peacaidh a’ fuireach air an ais o bhòrd an Tighearna. Tha cuid a’ gabhail mar leithsgeul nach ’eil ùin aca, le gnothaichibh an t-saoghail bhuaireasaich so, smuainteachadh idir air na nithibh so. ’S bochd an leithsgeul so, nam biodh duais òir ri fhaotainn an lorg tighinn, gheibhteadh ùine gu leòir. Is beag a dhiongas an leithsgeul so ’nuair a thig teachdair ’a bhàis, agus’s beag toirt fainear a tha aca so air earail Chriosd, “Iarruibh air tùs rioghachd Dhe agus fhìreantachd, agus cuirear ris sin gach ni eile bhios feumail.” Tha muinntir eile a’tairgse mar leithsgeul gu bheil eagal orra le laigsinn gu bheil eagal orra le laigsinn an nàduir gu’m bristeadh iad am bòidean comanaich, ged a ghabhadh iad e, agus gur tearuinte dhoibh, uime sin, fuireach air an ais. Ma tha mhiann ortsa da rìreadh bhi beò do Chriosd, agus siorruidheachd a chur seachad na làthair, bu chòir mothachadh air do laigsinn impidh a chuir ort dol gu minic chum bòrd an Tighearna a dh’fhaighinn am barrachd gràis; agus ma chiontaicheas tu a rìs, mar tha gach neach ann an càil a’ deanamh, thig ni’s trice chum nam meadhonan tha air an òrduchadh le Dia, agus air am beannachadh gu cur as do’n pheacadh, [TD 52] a bheothachadh creidimh, dòchais, gràidh, agus gach gràs eile a bhuineas do’n Chriosduidh. Tha cuid, agus ’s e’n leithsgeul gu bheil iad ro òg. Ach a’ bheil iad tuille ’s òg gu gràdh a thoirt do Chriosd, gu’n earbs’ a chur ann, no gu bhi beo dhà? No bheil iad tuille ’s òg gu bàs fhaghail, agus cunndas a thoirt suas do Dhia? Ach tha eagal oirnn gur e aobhar an leithsgeil so, gu bheil a mhiann orra a chuid is fearr d’an làithean a thoirt thairis d’an ana-miannaibh, agus an sin pilleadh ri Dia, ’nuair nach ’eil an tuille sòlais aig a pheacadh r’a thoirt dhoibh. Eisdibh a mhuinntir òg ri aon fhocal san dealachadh. Chaidh ur tiomnadh gu tràthail suas do Dhia ann am baiste. Tha bòidean an Tighearn oirbh, agus tha sibh neo-aithrigh air an urram agus air an ainm sin, ma tha sibh a’ diùltadh deanamh air ur son fein an ni a rinneadh air ur son ’nuair bha sibh òg. Thug ar pàrantan seachad sibh do’n Tighearna, is tha sinn a’gairm oirbh an gniomh sin a cho’-dhaighneachadh le’r deanadas fein. An dara cuid cuiribh cûl ri’r baiste, no càiribh ar seula ris air ur son fein aig bòrd an Tighearna. Is cò’-ionann ceangluichean an dà Shàcramaid. Tha sibh fo chuibhreach an dara h-aon, thigibh fo’n aon eile. Taghaibh an Dia da’n dean sibh seirbhis, Dia no an saoghal; Criosd no an fheòil. Gun aomadh Dia cridhe gach aon agaibh gu ràdh, Ni mise seirbhis do’n Tighearna. Thugaibh do Dhia cèitein ur laithean. Cuimhnichibh ur Cruithfhear ann an làithibh ur n-òige, agus èisdibh ri briathra Chriosd a tha ’g ràdh, Deanaibh so mar chuimhneachan ormsa. Co’-dhuinidh sinn. Trèigeadh am peacach slighe na h-aingidheachd agus a bhâis; gabhadh e ri Criosd agus an sin thigeadh e, agus itheadh e aran na beatha. Thigeadh a mhuinntir aineolach do sgoil Chriosd, foghlumadh iad uaith-san, dìreadh iad ceum air cheum do’n t-seomar is àirde, far a bheil a chuirm so air a deasachadh. Thigeadh iadsan mar an ceudna a tha ann am mi-rùn da’n coimhearsnaichibh; rachadh iad air tùs agus deanadh iad rèite r’an nàbuidh, agus an sin thugadh iad seachad an tabhartas. Thigeadh iadsan aig a’ bheil mòran de ghnothaichean na beatha so; a mhàin fàgadh siad iad aig ìochdar na beinne, mar rinn Abraham ris na h-asailibh, agus dìreadh iad suas nan smuaintibh gu neamh, agus cumadh iad co’-chomunn ri Dia. Thigeadh a mhuinntir lad, chum gum faigh iad neart: thigeadh a mhuinntir neartmhor, chum nach fàs iad lag. Thigeadh a mhuinntir ghealtach, chum gu’m bi an cridhe air a shocrachadh le creidimh is beothaile; agus thigeadh iadsan aig a’bheil dòchas, chum gum faigh iad am barrachd tomhais de mhuinghinn iriosail. Gabhadh iadsan a th’air an socair ris a chuireadh so, a chionn nach ’eil leithsgeul aca; agus gabhadh iadsan aig nach ’eil mòran ùine ris mar an ceudna, chum gun tarraing iad am barrachd naomhachd air an gnothaichibh. Thigeadh a mhuinntir dhubhach bhrònach, chum gum bi an cridheachan air an lìonadh le aoibhneas an Tighearna; agus thigeadh iadsan gach àm a tha deanamh gairdeachas ann an Dia, chum gu’m bi an aiteas iomlan. MU BHAS AN RIGH. Chaochail Righ Deors’ an Ceathramh! Righ co aoidheil fhlath- [TD 53] ail, co cothromach, agus co dùchasach, ’sa shuidh riamh air cathair Bhreatuinn. Bha e mar athair caomhail d’a dhaoinibh: fear sheasamh an còrach, fear dìon an saorsuinn, agus caraid nam feumach; agus tha bhuil, tha’n Dùthaich an diugh mar aon duine g’a chaoidh. Tha naigheachd bàis an duine mhòir so a’ siubhal o rioghachd, gur ioghachd; tha gaoth nan speur, agus gluasad nan tonn, a’ giùlan sgeul a bhròin do chearnaibh iomallach an t-saoghail; agus ann am farsuingeachd nan Innse cian, is a’measg lionmhoireachd nan Eileana bha fodha, togar tuireadh a bhròin. Bu neo-shuairce dhuinne d’a rìreadh gun bheagan a labhairt mu bhàs an Righ. B’e righ gaolach nan Gaidheal e, is bu mhòr a mheas orra. Bha e eòlach air eachdruidh an Dùthcha, agus bu taitneach leis bhi ’g iomradh air an gniomharaibh euchdach anns na linntibh a dh’ fhalbh. Bha meas mòr aige do Thìr nam beann, do chànmhuinn agus do éididh nan Gaidheal. ’Nuair thainig e dh’ Albuinn bha aiteas air ’nuair a chunnaic e iad m’an cuairt da; agus air an là san do chuir flaithean àrda na Rioghachd suas gach fear dhiubh suaicheantas a dhùcha fein, thainig esan nam measg ann an làn éididh nam beann, le ’bhoineid, le iteig, ’s le bhreacan an fhéile. Rugadh e air an 12 là de cheud mhios an fhoghair sa bhliadhna 1762. air chor ’s gun robh e mar bheagan do ochd bliadhn’ a’s tri fichead a dh’aois. Ge nach do rioghaich e ach deich bliadhna na ainm fein, gidheadh rioghaich e an ionad athar, (air am bu deòin leis an Fhreasdal a làmh a leagadh) naoi bliadhn’ eile; ionnas gun robh e naoi bliadhna deug os ceann na rioghachd; agus rè fad na h-ùine sin cha d’ fheuch e ri atharrachadh sam bith a dheanamh air laghannaibh na Dùthcha, chum an crùn àrdachadh air chostas an t-sluaigh. Ma thimchioll a ghiulain ’an aois òige, agus na chuireadh as a leth, cha bhuin e dhuinne labhairt. Cha’n’eil teagamh nach robh mòran deth fior, ach tha sinn cinnteach gun do chuireadh iomad ni as a leth nach robh fior. Is mòr na buaireanna d’a bheil Prionns’ òg buailteach; agus ’s bochd an ni do neach sam bith tlachd a ghabhail ann a bhi ’g aithris droch sgeul orrasan nach maireann. Phòs Righ Deorsa an IV. bana-charaid da fein, nighean peathar athar, bana phrionnsa Bhrunswick; pòsadh nach robh buadhar dhà-san no dh’ise. O’n phòsadh neo-shonadh so bha aon nighean, o’n robh àrd fhiughair aig an rioghachd. Rìbhinn àluinn, co maitheasach, agus co cliùteach air gach dòigh ’sa b’ urrainn an rioghachd a mhiannachadh. Phòs i so Prionns’ òg as a Ghearmailt, ach mo thruaighe! cha do mheal e fein n’an rioghachd i ach ùine ghearr. Chaochail i na leabaidh shiùbhladh, agus an leanabh mic a rug i, ni a chuir mòr mhulad air an tìr, agus air a h-athair rioghail aig an robh mòr spéis di. Tha còrr agus sea mìosan o’n a thainig an eas-slainte sin air an Righ a thug a bhàs. Ghiùlain e le an-shocair gu striochdta sìochail; ’s gann a chualas gearan uaithe; bha e na bheachd gus a mhionaid san do thilg e an deò. ’S ann le mòr shòlas a tha sinn a’cluinntinn gun robh Easpuig diadhaidh, cràbhach do ghnà maille ris, agus gu ’n do nochd an righ creidimh agus dòchas a Chriosduidh na bhàs. Tha e ri bhi air adhlacadh ann an [TD 54] Caibeal Windsor air a chùigeamh latha deug de’n mhìos so. Nach bu chòir dhuinn gliocas a tharruing o bhàs an righ. ’S e’m bàs fein righ an uamhais, air nach cuir beartas moille, nach urrainn mòralachd no urram a chumail air ais. Cha ’n fheudar dorsan na lù-chuirt is àirde a dhruideadh air, ni’s mò na còmhladh a bhothain is ìsle. Spìonadh e leis an righ mar an tràill, agus na bheachd-san cha ’n ’eil urram na seachnadh air fear seach fear. O’n a fhuair am bàs a stìgh do righ-chathair Bhreatuinn, cò is urrainn cur na aghaidh? Nan deanadh urram no mòralachd, inbh àrd no saibhreas am bàs a bhacadh, cha robh an riodhachds’ an diugh fo éididh a bhròin. O’n a chaochail esan, am flath a b’àirde agus a b’urramaiche san Roinn Eorpa, deanadh maithean an domhain deas gu luidhe sios ann an dorchadas na h-uaighe. O’n a thuit esan, cia diomhain gach ni fo’n ghréin? Diomhanas nan diomhanas, is diomhanas gach ni. Cia neo-airidh an saoghal so, agus na bheil air uachdar, air gràdh agus cùram mhic an duine? Ciod e a nis an saoghal, agus na shealbhaich e dheth, dhà-san air a bheil sinn a’labhairt! Cò thu, ma ta, a tha socrachadh do chridhe air mòralachd an t-saoghail? A’ bheil thu ni’s mò na ar righ nach maireann? A’ bheil meas àrd agad air na daoinibh o’n d’thainig thu? Esan a bha de shliochd nan righrean, chaochail e. A’ bheil thu mòr as do bheartas? Feuch dh’ éug righ Bhreatuinn! A’ bheil thu deanamh uaill a d’ chumhachd? éisd! tha uachdaran nan tri rioghachdan air bàsachadh. A’ bheil moit ort a àilleachd do dhealbh, agus eireachdas do chruth. Thig agus feòraich, c’àit’ am bheil esan a b’ àillidh measg sluaigh, agus ’s e freagairt a gheibh thu, tha e marbh gun chomas gluasad. Ciod e, ma ta, co’-dhunadh an iomlain? Oirpicheamaid, a réir mar sheolas focal De sinn, agus anns an neart a ta air a ghealladh dhuinn, a bhi tasguidh suas ar n-ionmhais air neamh, agus a bhi saibhir do Dhia; agus an sin, bithidh sinn beo ann an àrd urram, agus ann am mòr shonas, ’nuair a thuiteas crùin agus righ-chaithrichean, seadh, a ghrian, a ghealach, agus na reultan, agus an saoghal m’an iath iad, gu neo-ni. O! nach robh daoine glic, gun tuigeadh iad so, ’s gun d’ thugadh iad fainear an crioch dheireannach! RIGH UILLEAM, IV. Rugadh an righ tha nis air a chathair air an là th’ ar fhichead de ’n cheud mhìos de ’n fhogharadh, 1765. B’e’n treas mac a bha aig athair e; ’Nuair bha e ceithir bliadhna deug aois, roghnaich e dol chum na fairge, agus chaidh e air bòrd luing chogaidh, far an do chuir e stigh ùine mar dhuin’ air bith eile. Bha e an cath no dhà air fairge, far an do dhearbh se e fein na dhuine; ’s ’nuair a dh’ éirich e gu bhi na àrd-mharaiche, cha b’ ann aige-san a bha choire nach do chuireadh cabhlach lionmhor fo a riaghladh, agus nach do chog e an aghaidh naimhdean a dhùthcha. An fheadh’s a bha e aig fairge, ghiùlain se e fein gu caomhail càirdeil ris gach aon a bha maille ris; agus tha iad lionmhor leis an do sheol e san àm sin a tha’n diugh am measg a chàirdean is ionmhuinne. Bha e fein agus an t-Ard- [TD 55] mharaiche Nelson ann an dlù eolas, agus tha fhios againn gun robh meas mòr aig an duine ainmeil sin air teòmachd agus cruadal ar righ. Phòs e o cheann dà bhliadhna dheug, a bhana phrionns’ is ban-righ dhà air an àm, air a’ bheil meas agus cliù mòr. Rugadh dithis chloinne dhoibh a chaochail nan òige. Tha iad uime sin air an àm gun teaghlach, air chor ’s ’gur i a bhan-oighre is tinn’ air a chrùn nighean a bhràthar a b’ fhaigse dha, Diùchd Kent. Tha i so mu aon-bliadhna-deag a dh’ aois, agus ma thig i gu bhi riaghladh na rioghachd so ’s ann fo ainm Ban-righ Victoria. Tha Righ Uilleam air a mheas leis gach neach a chuir eolas air na dhuine suairce tuigseach, agus tha fiughair aig daoine nach bi e bheag goirid air athair no air a bhràthair. Cha d’ rinn e fathast aon atharrachadh air seirbhisich a chrùin. Tha e an déigh Parlamaid ùr a ghairm, agus ’se dùrachd ar cridhe gun soirbhicheadh an Tighearna leis, gum bi e fad air a chaomhnadh gu bhi na bheannachd d’a thìr, agus gum bi saorsadh agus sìth r’a linn, mar bha ri lìnn a bhràthar. ’Nuair bha e aig fairge bha e ann an Eileana na Gaeltachd, agus chunnaic e mòran de Albuinn. Tha e air a ràdh gu bheil e ro thoigheach m’an Dùthaich so, agus gu bheil e cur roimhe tighinn ga faicinn air an ath-shamhradh. MU ALGIERS. Chual’ an Dùthaich air fad gun do chuir na Frangaich a mach Feachd laidir chum an Dùthaich sin a cheannsachadh. ’Se Ceanna-bhaile na rioghachd so Algiers, air còrsa na fairge. Tha’m baile so air a dhaingneachadh gu laidir. Tha e air a chuairteachadh le balladh a tha dà fhichead troidh air àirde, agus an taobh a muigh dheth so tha dìg’ a tha seachd troidhean air doimhneachd, agus fichead troidh air leud, a tha làn uisge. M’a thimchioll a Bhaile tha seachd caisteil, air a’ bheil iomadaidh de ghunnacha mòra. Air taobh na fairge, tha’m baile so, agus an acarsaid air a dhaingneachadh gu ro laidir. Tha rioghachd Algiers mu shea ceud mil’ air fad, agus naoi fichead mìl’ air leud. ’S ann do’n chearna sin de’n t-saoghal ris an canar Africa, a bhuineas e; agus tha baile mòr Algiers calg-dhìreach fa chomhair Gibraltar. Tha luchd-àiteachaidh na rioghachd so a co’-sheasamh de Mhoors, Arabs, Iudhaich, agus mòran Chriosduidhean a tha aca nan tràillean fo dhaorsa chruaidh. A thaobh creidimh is Mahomadaich muinntir na tìre so, agus tha gamhlas mòr aca do luchd-leanmhuinn Chriosd. Tha fir agus mnài na rioghachd so ro neo-thoileach aoidhean fhaicinn a stigh nan tighibh. Ma ni aon duine guth air a choimhearsnach is tric leis, an àite leige stigh, mar ni sinne, ’s ann a chionnicheas na Moors a muigh e, agus an déigh brat a sgaoileadh air an t-sràid, ni iad suidhe air a shocrachadh an gnothaichean. Cha’n’eil dithis diubh a thacras air a chéile, an àite seanachais nan seasamh mar ni sinne, ’s ann a shuidheas iad air an làr. Cha’n’eil marcaichean air thalamh is fearr na na daoine so, agus cha’n ’eil ri fhaotainn eich is meamnaiche lùthmhoire na tha aca. [TD 56] Cosmhuil ris na Mahomedanaich eile tha cead aca so ceathrar de mhnathan pòsda bhi aca, agus ’s iad na pàrandan a ni an t-suirdhe air son an cuid cloinne. Cha’n fhaic fear no bean-na-bainns’ a chéile gu là a phòsaidh, a chionn gu bheil na mnài òga san dùthaich so do ghnà fo ghlais, agus ’nuair a thig iad a mach tha’n aghaidh còmhdaichte le gnùis-bhrat. ’Nuair a dh’eugas fear dhiubh so, theid a ghrad chur fo thalamh. Tha an àiteachan adhlaic an taobh a muigh de’n bhaile, agus tha luchd-bròin fo thuarasdal a leantuinn a chuirp, agus a seinn laoidhean le fonn tìomhaidh a tha air a thogail leis a chuideachd air fad. Tha ionadan aoraidh lionmhor san dùthaich so. Tha os ceann trì-fichead diubh so ann am baile mòr Algiers. Tha na h-eaglaisean so a co’-sheasamh de chùirtibh farsuing fosgailte, tobar eireachdail nam meadhon, air son gach ionnlad a tha fiachaicht’ air an luchd-aoraidh. M’an cuairt air a chùirt tha àiteachan air a’ bheil brait rìomhach air an sgaoileadh, far an sleuchd iad sìos an âm deanamh ùrnuigh. ’Nuair a thig iad a stigh do’n tigh-aoraidh, an àit an còmhdacha cinn a thoirt diùbh, ’sann a chuireas iad diùbh an cas-bheairt. Cha’n’eil an ùrnuigh ach gearr, ag aideachadh maitheas Dhe agus Mhahomed; tha i air gach àm air a h-aithris tri uairean, le’n dà làimh air an togail suas os ceann an cinn, agus ’nuair a sguireas iad pògaidh iad an talamh. ’S e di-haoin’ againne an t-Sàbaid aca san. Cha’n’eil cluig aca nan eaglaisean, ach ann an àmaibh aoraidh agus ùrnuigh togaidh iad suas brataichean geala air turaid na h-eaglais; théid iadsan a stigh a thàrlas air an àm a bhi dlù do laimh, agus tuitidh iadsan a bhios fad air falbh air an glùinibh sa cheud àite goireasach. Tha trì féillean mòra spioradail aca. ’S e’n t-aon is mò dhiubh, là àraidh tha air a chur air leth chum cunndas a ghabhail air am maoin shaoghalta, chum an deicheamh a thoirt do na bochdaibh. Cha’n fhaigh duine sam bith a bhi na shagart gus am bheil e comasach air a Khoran, (’se sin am Biobull acasan,) fhaotainn air mheoghair. Tha ’n aimsir blàth ro thaitneach sa tìr so, agus tha ’n dùthaich fallain. Tha méinnean òir, iaruinn agus luaidhe san tìr so. Tha’m fearann anabarrach tarbhach. Tha’n crann-fiona, agus oladh, agus gach gne mheasan is ro thaitnich’ a’ fàs air bheag dragh san dùthaich so. Tha chuilc shiùcair a’ fàs gu nàdurra san rioghachd so; ach gu truagh, cha’n’eil aca ach droch riaghladh. O shean bha ’n dùthaich so fo riaghladh an àrd Thurcaich, ach a nis tha uachdaran air a thaghadh leis an arm, le mòran comhstrigh, agus gu tric le dòrtadh fola. ’Nuair a roghnaichear e cha ’n ’eil smachd air bith air. ’Si thoil-san lagh na dùthcha, agus cuiridh e as d’a chuid daoine mar is àill leis. O cheann iomadh linn bha ’n tir so na culaidh-mhìothlachd do ’n Roinn-eorpa gu léir; cha seas iad ri aon chùmhnant no co’-cheangal a nìtear riu. Cha ’n ’eil annt’ ach creachadairean air muir, ’s air tìr; tha cabhluichean laidir aca aig Algiers, agus anns gach bail’ eile tha aca ri cois na fairge, d’an gnà obair a bhi ri spùinneadh ’sa’ creachadh loingeas gach tìr eile a thig nan caramh, air an urrainn iad buaidh a thoirt. Tha nis còrr is dà cheud bliadhn’ o [TD 57] chuir na Spainndich a mach cabhlach mòr, os ceann sèa fichead soitheach, agus deich mìle fichead airm, gus an rioghachd so a cheannsachadh; agus a shaoradh na bha de Criosdui’ean nan tràillean innte, ach an déigh dhoibh a chuid bu phailte d’an loingeas agus d’an daoine chall, phill na bha làthair dhiubh dhachaidh gun mhòr dholaidh a dheanamh. Thugadh iomad oidheirp eile le cuid de chumhachdaibh na h-Eorpa nan aghaidh, chum cosg a chuir air an spùinneadaireachd, ach a dh’aindeoin gach oidheirp a thugadh sheas iad gus a so, agus tha iad co cealgach, charach, fhoirneartach, ’s a bha iad riamh. O cheann cheithir bliadhna deug chuir Breatunn a mach cabhlach laidir, fo Ard-mharaich co ainmeil ’sa bha againn, chum saorsainn a chosnadh do Chriosdui’ean a bha fo dhaorsa. Toiseach na bliadhna sin chaidh e mach agus cheannaich e saorsadh do thrì mìle a bha aca fo’n tràillealachd bu chràitiche. Fhuair an t-Ard-mharaiche, Mor’ear Exmouth gealladh nach glacadh iad aon long Bhreatunnach tuille, ach ’s gann a rainig e Sasunn air ais gus an do thòisich iad air glacadh, air mort agus a’ marbhadh gach neach dhiubh a thainig nan caramh. Phill Exmouth air ais, le feachd mòr, agus an déigh dha a chabhlach a chuir an òrdugh mar asdar urchair do’n bhaile, dh’fhosgail e orra air dòigh a thug am baile ’an ùine ghearr gu striochdadh. Shaor e air an àm so tuille mòr de na Criosdui’ean a bha ann an daorsa; agus thug e iad gu cùmhnantan nach d’ thigeadh an là a ghlacadh iad long no duine a bhuineadh do Bhreatunn; agus nach deanadh iad tràillean ni bu mhò de mhuinntir aon dùthaich Chriosduidh. Chaidh da mhìle dheug de mhuinntir Algiers a mharbhadh sa chòmhrag so. Cha robh againne ach mu thimchioll mìle fear eadar na bha marbh agus buailte. Chum caileiginn de bharail a thoirt duibh m’an chath so, feudar innse dhuibh gun do loisg aon soitheach cogaidh, an càbhlach Bhreatunn ceithir cheud baraille fùdair, agus còrr agus ceud tunna de pheileirean. Bha mòran de na tràillean bochda sin còrr agus cùig-bliadhna-deug an ciomachas, ag oibreachadh gu goirt fo shlabhruidhean, agus air an sgiùrsadh gu h-an-iochdmhor. Shaoileadh aon gu’n caisgeadh so iad, ach o cheann ghoirid thòisich iad mar bha iad riamh, gu h-àraidh an aghaidh nam Frangach, agus ’se so a dhùisg iad gus an ionnsuidh a thoirt leis a’ bheil a rùn orr’ a nis an rioghachd uile chur fòdhpa. Tha’m feachd a chuireadh a mach lionmhor, làidir, misneachail. Tha ceannard urramach thairis orra. Thuige so bhuadhaich iad, agus ’se barail dhaoine gu’n cuir iad an dùthaich fo chìs, agus leis a so gu’n cuir iad stad gu bràth air foirneart nam béistean. Soirbheachadh leo! Mu na Canmhuinnean a tha ’n dlù-chairdeas do’n Ghaelic. Tha iad so ni’s lionmhoire na tha cuid de mhuinntir ar dùthach’ a’ smuainteachadh. Tha fhios againn air fad gu bheil a Ghaelic air a labhairt an Eirinn le còrr agus trì muilleinibh, ’s e sin, le trian a bharrachd air na tha ’n Albuinn air fad. Tha Ghaelic Eirionnach so- [TD 58] thuigsinn do Ghaedheil Alba mar chi ar cairdean san Teachdaire fa dheireadh; gu h-àraidh ann an ceann na h-àirde tuath de dh’Eirinn, cha’n’eil mòran eadar-dhealachadh eadar i agus a Ghaelic againne. Is ainmic *Leabhar-lann fiachail san rioghachd so, no san Roinn-eòrpa, anns nach faighear sgriobhannan ’sa Ghaelic Erionnaich, a chaidh dheanamh m’an do thionnsgnadh air Clò’-bhualadh. Tha nise fios cinnteach gu bheil mòran diubh so anns an Fhraing, ’an rioghachd Lochlainn, agus gu h-àraid ann an Leabhar-lann a Phàp anns an Ròimh. Tha dòchas againn nach fada gus an d’théid iad sin a rannsachadh, agus gun leig iad ris duinn iomad ni mu bheil sinn san àm an dorchadas. A chànmhuinn eile is dlùithe do ’n Ghaelic Albannaich, ’s ann san Eilean Mhanainneach a tha i air a labhairt. Tuigear i so le Eirionnaich agus le Gaedheil. Tha na Scriobtuire aca o cheann fada sa chànmhuinn so, ach aca cha ’n ’eil mòran de leabhraichean eile. Anns an earrann sin de Shasunn ris an abrar Wales, tha cànmhuinn Ghaelach air a labhairt a tha ann an dlù-dhàimh ri Cànmhuinn na h-Eirinn agus na h-Alba. Cha ’n ’eil i air a sgrìobhadh a rèir doigh na h-Eirionn no idir Mhanainn, agus uime sin cha’n’eil i co furasd a thuigsinn leis na Gaedheil. Tha Ghaelic Weilseach air a labhairt le sèa ceud mìle pearsa. Tha i air a’ teagasg ’nan sgoilean, agus tha mòran leabhraichean ac’ innte; agus a dh’ aindeoin gach oidheirp a thug iad air a Bheurl’ a choiteach orra, sheas cànmhuinn na dùthcha gus an là an diugh gun mheathadh gun fhàilinn. Is mòr an cothrom a fhuair muinntir na dùthcha sin seach na Gaedheil, no idir na h-Eirionnaich. Bha focal De aca na’n cainnt fein o ceann dà cheud gu leth bliadhna, agus mòran de leabhruiche math eile a bharrachd; agus tha lionmhoireachd leabhruichean ùr a’ teachd a mach gach là. Tha os ceann ochd mìle leabhar sa chainnt sin. Tha Mìosachan† aca ann an cainnt na dùthcha aid a chu a mach gach bliadhna o cheann còrr is ceud bliadhna. Tha ochd leabhruichean cosmhuil ris an Teachdaire Ghaelach againne a’ tighinn a mach gach mìos. ’S iad so na ceithir Chainntean Gaelic a tha air an labhairt air an àm san rioghachds’. Is failleinean o’n aon stochd iad, clann an aon teaghlaich, ach ’s deacair a ràdh air an àm co dhiubh is sine. Bha piuthar eile ac’ an Sasunn a chaochail o cheann cheithir fichead bliadhna. ’Si so a chainnt a bh’ ac’ ann an Cornwall, agus a bha air a labhairt le sluagh a thainig o chian do’n tìr sin o’n Fhraing. O cheann da cheud bliadhna bha i air a searmonachadh san dùthaich, ach fhuair a Bheurla buaidh orra. Bha na h-uiread shamhladh aig a chainnt so ri cainnt Wales, ’s a th’ aig cainnt na h-Eirionn agus na Gaeltachd r’a chéile; agus tha i fhathast air a labhairt san Fhraing. Tha peathraichean eile aig a Ghaelic anns an Fhraing agus ann an rioghachdan eile, Anns an earrann sin de’n Fhraing ris an can iad Basque, agus feadh nam beann a ta eadar an Fhraing agus an Spainnd, tha’n t-seana chanmhuinn so air a labhairt leis na mìltibh aig nach ’eil smid de chainnt eile. Tha’n Soisgeul ac’ ann an cainnt an dùthcha, agus * Library † Almanack. [TD 59] tuigear e le duine sam bith a ta eolach air a Ghaelic. A rìs, Tha Cànmhuinn Ghaelach eile dealaichte air iomad dòigh o gach aon air an do labhair sinn fathast ri fhaotuinn anns an Earrann sin de’n Fhraing ris an abrar Brittany. Tha e cinnteach gu bheil os ceann muillein anns an dùthaich so, agus na cearnaidh m’an cuairt dà aig nach ’eil focal fraingis nam beul, ach an t-seana chànmhuinn Cheltic so, a tha do’n aon ghne ri cainnt Wales. Tha cora leabhar aca sa chainnt so, ach cha’n’eil sgoilean ach ainneamh nam measg, agus tha iad gu bochd dheth a chion focail De. ’S i chànmhuinn mu dheireadh do’n t-seann stochd so air an labhair sinn san àm an t-aon is iongantaiche dhiubh air fad. ’S i sin cainnt nan Waldens*, sluagh lionmhor a tha chòmhnuidh an tìr chéin uatha-san m’an robh sinn a’ labhairt; tha’n tàmhachd so ann am Piedmont, cuid diubh ann an Switzerland agus san Eadailt. Tha os ceann da cheud bliadhna o na thugadh do Shasunn a chuid is mò de’n t-seann Tiomnadh anns a chainnt so, agus gun deach am fàgail ann an àrd-thigh-foghlum Chambridge, far a’ bheil iad air an gleidheadh gu cùramach. Tha chànmhuinn so ro chosmhuil ris a Ghaeiic Albannaich, ge mòr an t-asdar a tha eadar an dà dhùthaich. Criochnaichidh sinn so le Urnuigh an Tighearna sa chainnt so, Our Narme ata air neamb². Beanicha tanim. Gi diga do riogta. Gu denta gu hoill, air talm²in mar ta ar neamb². Tabhar d²im an migh ar maran limb²ail. Agus mal d²uine ar fiach ambail near marhmhid ar fiacha. Na leig si²n amb²aribh ach saorsa shin an Olc. Oir sletsa rioghta, combta, agus gloir, gu sibhiri. Amen. Tha’n comhara so ² aca-san an àite na h a ta againne. GUTH O MHACTALLA. A Theachdaire Rùnaich, ’S fada mise, Mactalla, a’ m’thosd: ’s fad’o gheall mi craobh-sheanachais nam fineacha ’chuir chugaibh; ach, mo chreach! cha luaithe thòisichinn rithe na thigeadh rachd nam mhuineal. ’Sann domh fein nach ioghnadh; ’s mi ’chunnaic an aoidhealachd, ’san onoir, ’s an rìoghalachd ann an tìr nam beann, ged is deacair a chòmhdach an diugh oirre! Feuchaidh mi, co dhiu, ri sgeula beag innse do’n fhuigheall a dh’ fhàgadh mu’n churai ainmeil sin air taobh na Firinn, Iain Knox. Rugadh Iain Knox anns a bhliadhna 1505, beagan sear air Dun-eidean. B’i so linn an dorchadais! chaidh dubh-neul eaglais na Ròimhe eadar daoine agus gach reull-iùil, bha ’ghrian agus a ghealach iad fein air chall, mar faicte mar thannasg iad o mhullach nam beannta a b’àirde,—chaidh gach mathair-uisge thruailleadh,—bha sruthana na beatha neo-fhallain, agus bha ’n sluagh, mar bu dù dhoibh, a’ dol a dhìth! Anns a bhliadhna 1522, chaidh Knox do àrd thigh oilean Ghlaschu; agus do bhrigh gu’n robh e na sgoileir ainmeil cha b’ fhada gus an d’fhuair e bhi na shagart. Ged fhuair e’n dreuchd so cha do sguir e do leabhraichean diadhaidh a chnuasachd; gus ma dheir- * Waldensian. [TD 60] eadh an tug e fainear gu ’n robh eadar-dhealachadh mòr eadar an teagasg agus teagasg nan sagarta. Chunnaic e, cuideachd, gun robh na h-athraiche Ierome, Augustine, agus iad sin, a’ leigeadh gach ni gu ràidhe ’Bhiobuill, agus threòraich so e, chum an leabhar naomh a rannsachadh air a shon fein, oir san àm so bha lagh na h-eaglais an aghaidh Focal an De bheò a’ leughadh, agus ’s beag nach robh na sagarta co aineolach air ris an t-sluagh! Coma co dhiu; lean Iain Knox air foghlum a bhiobuill, le iomadh ùrnuigh agus mòran cràbhaidh, rè sheachd bliadhna, gus, ma dheireadh, anns a bhliadhna 1542 ’na bhris e na geimhlibh, agus ’na sheas e ’mach na aonar air taobh na Firinn:—Le cridhe neo-sgàthach thog e bratach Chriosd an aghaidh cumhachdaibh an dorchadais, ag éigheach mar gum b’ fheadh “co ’tha air taobh Dhe, Co?” Ach, mar dh’ fheudas sinn gu maith a bhreithneachadh, cha b’ fhada gus an tainig a chùis gu deuchainn,—A Knox! amhairc ris an àirde, agus seas t-aobhar, or gu dearbh ’s airidh e! Chuir an namhaid colg air,—thoisich a gheur leanmhuinn, agus bha buidheann bheag Chriosd a’ tuiteam thall ’s a bhos gun osna,—a seulachadh am fianuis le’m fuil! ’S ann mu’n âm so ’loisgeadh gu bàs an diadhair urramach ainmeil Deorsa Wishart, agus a chaidh ard-easbuig Beaton a mhort. Ma dheireadh dh’at tuil na geur-leanmhuinn cho àrd’s gu’n do ghabh Knox ’na cheann gu’n rachadh e do’n Ghearmailt, far an robh obair a chreidimh ath-leasaicht’ a’ dol air a h-aghaidh gu mòr: cha robh so taitneach le ’chairdibh, agus ’se chomhairlich iad dha dol do Dhaighneach Chìll-rìbhinn* far an robh moran de’n eaglais ath-leasaicht’ a’ gabhail fasgaidh, agus an t-urramach Iain Rough air an ceann,—ghabh e’n comhairle, agus cha luaithe ràinig e na b’àill le Rough agus leis a chuid eile de’n eaglais a chur os an ceann mar mhinisteir.—Cha ghabhadh e so os laimh, ag ràdh nach robh gairm o Dhia aige. Coma, air an ath shàbaid air do Knox a bhi san éisdeachd, shearmonaich Rough mu chairm agus mu dhleasannas mhinistirean. Mu dheireadh na searmoin thionndaidh e ri Knox agus, ars’ esan, le guth laidir agus na deoir a ruith le ’ghruaidhibh;—“Iain Knox, ann an ainm Dhe agus a Mhic Iosa Criosd, tha mise guidhe ortsa, mar is maith leat dol as o chorruich an De bheo, agus gu meudaicheadh e ’ghrâsan dod’ thaobh, gabh ris a ghairm naomha.” Nuair a chuala Knox so, cha b’ urrainn da cumail air fein: ged bu chruadalach a chridhe leagh so e; dh’ éirich e, agus chaidh e d’a sheòmar a ghul. Na dhéigh so thug iad gairm eile dha;—chunnaic e nach robh dol as aige, agus air an ath shàbaid dhìrich Knox a chrannag. Mar dhealta nan speur air fearann tartmhor, a chuireas fonn air coill, agus aiteas air magh ’s air raon, bha’n t-searmoin so do bhuidhinn bhig Chriosd; ach mar thairneanach nan speur a chrathas bunaitean an domhain, agus a dh’fhàgas cridhe duine fann, bha i do eaglais na Ròimhe! Is amhuil mar thachair;—thugadh Knox an lathair nan Easbuig agus nan sagarta gu freagairt arson a dhroch dheanadais. Co thusa ’tha cur an t-saogh- * St. Andrew’s. [TD 61] ail bun o’s ceann? Bha sea casaidean cudthromach na aghaidh. 1. Bha e ’cumail a mach nach bu chòir am Pàpa no duine air bith a mheas mar cheann na h-eaglais. 2. Gu’m be’m Pàpa an t-ana-criosd. 3. Gu’m bu chòir baisteadh, agus Suipeir an Tighearn’ a fhrithealadh mar dh’fhàg Criosd iad. 4. Nach robh ’s an Airionn, ach iodhol-aoraidh. 5. Nach eil Purgadair ann. 6. Nach ’eil ann bhi ’g urnuigh arson nam marbh ach diamhanas, agus nach ’eil ann bhi ’g urnuigh riu ach iodhol-aoraidh. Bha ’n deasbud cruaidh rè iomadh là, ach thachair dìthis ghaisgeach orra nach robh claon, Iain agus an Fhìrinn,—b’ eiginn a leigeadh mar sgaoil’ agus ann am beagan ùine chaill na sagarta gach sean agus òg a bha ’sa bhaile! Anns a bhliadhna 1547 thainig càbhlach de luingeas Frangach a shéisdeadh an Daighnich agus an deigh seasamh a mach rè ùine fhada, ma dheireadh b’ eiginn strìochdadh. Thugadh Knox, maille ri mòran eile, nam priosunaich do’n Fhraing, agus chaidh an cur air bord air luing ochd ràmhaich, far ’n do chumadh iad an cuibhreach rè bliadhna gu leth! Rinn na seòladairean na b’urrainn iad chum an tionndadh, agus an truailleadh;—thug iad aon là dealbh na h-òighe Muire gu fear de na h-Albannaich chum a phògadh, “cuir uam e!” ars’ an t-Albannach, “cha ni beannuicht’ e”, ’s e breith air, ’s ga thilgeadh a mach air an taobh; “sàbhaladh a bhean-uasal i fein a nis,” ars’ esan, “tha i eutrom gu leoir, ionnsuicheadh i snàmh.”—A chuid eile de bheatha Knox,—cho tric ’sa bha e’n cunnart a bheatha,—cho calma ’sa sheas e’n Fhìrinn an làthair righribh agus bhan-righibh, agus a bhàs buadhar, bheir mi dhuibh, A Theachdaire rùnaich, an aithghearr. MACTALLA. Eilean Chola 1830. ALASTAIR MAC CHOLLA. B’ainmeil an duine so ’an Gaeltachd Alba là gan robh an saoghal; agus tha sinn a deanamh dheth nach miste le’r luchd-dùthcha caileiginn a chluinntinn uime. Bha’n duin’ ainmeil so de Chloinn Domhnuill Antrim an Eirinn. Bu mhac e do Cholla Ciotach, a ghlacadh ann an Dun-naomhaig an Ile, agus a chuireadh gu bàs an Dunstainis. ’Nuair a rugadh Alastair, tha beul-aithris, (as nach ion mòr earbs’ a chur,) ag innse mu nithibh iongantach a thachair ma thigh athar, air chor ’s gun do chomhairlich cuid de na cairdean cuir as da, gun tuille dàlach. Cha dean sibh sin, a deir a mhuime, aig an robh fiosachd a réir barail nan àmanna sin; bithidh e fhathast na ghaisgeach foghainteach, agus èiridh buaidh leis, gus an sàth e bhratach an Gocam-gò, Dh’ fhàs e suas gu bhi na dhuin’ eireachdail, agus na fhear-claidheamh co maith ’sa bha’n Eirinn. Anns a bhliadhna 1644 bha buidheann de ’n fheachd ri’n cur a h-Eirinn chum còmhnadh le Muntròs, as leth an dara Teàrlach. ’Nuair a chruinnich Maithean na tìre a shunrachadh cò a rachadh air ceann an airm, bha dà fhlath uasal Eirionnach aig an robh fiughair ris an urram sin, a thaobh meud an cairdean aig a choinneamh. Bu chòir, a deir Ceann-mhath na cuideachd, an t- [TD 62] urram a thoirt do’n ghairdein is tréine an Eirinn, nam biodh fios cò e. So e, deir Alastair, ’s e tarruing a chlaidheimh, a dh’aindeoin cò theireadh e. C’àit a bheil an t-ath-ghairdein, a deir an Ceann-suidhe? So e a deir Alastair, ’s e tilgeadh a chlaidheimh na laimh chlì. Cha do chuir duine na aghaidh, agus fhuair Alastair a bhi na Cheann-feadhn’ air a chuideachd. Thainig Alastair le cùig ceud deug fear, air tir air taobh na h-aird an Iar do dh’ Earra-ghael. Tha iomad sgeul beag air aithris m’an duine so, nach fiach a bhi air innseadh, ach is iomad gniomh euchdach a dh’ fheudt’ aithris air, mar tha e againn sios ann an eachdruidh. An déigh dha Caisteal Mhingairidh an Ardnamurchann a ghlacadh, ghabh e suas do Ghleann-garadh, far an do choinnich na daoine sin agus muinntir Bhàideanach e a bha air an taobh ris fein; ghabh iad air an aghaidh gus an d’rainig iad Dùn-chaillinn, far an do choinnich iad Iarla Montròs, a thug do dh’ Alastair an t-àite bu tinne air fein san fheachd; agus cha b’ fhada gus an da dhearbh e gu’m b’airidh air an urram sin e. Bha fuath anabarrach aig Alastair Mac Cholla, agus aig Clann Domhnuill air teaghlach Earraghael, cha’n e mhàin a chionn gun robh iad an aghaidh an Righ, ach gun do bhuin iad mòran d’am fearann o na Domhnulluich, agus chum aicheamhuil a thoirt a mach air a shon, dh’aom e Montròs gus an Geamhradh 1645 a chaitheamh ann an dùthaich Mhic Chailein. Dh’ fhartluich orra an Caisteal a ghlacadh, ach loisg iad bail’ Inbhear-aora, agsu chreach iad an dùthaich air fad m’an cuairt. ’S gann a dh’ fhàgadh tigh air bonn, ionnas gu bheil e na ghnà-fhocal san tìr sin gus an là an diugh, Alastair Mac Cholla fear tholladh nan tighean, agus bha na h-uiread eagail roimhe, ’s gu bheil ainm fhathast air a chleachda mar bhòchdan gu clann a chumail sàmhach. Dhearbh Alastair e fein na dhuine ann an iomad cumasg beag, ach ’s e là Inbher-lòchaidh a tharruing gu mòr mheas e. ’Nuair a thainig e le Montròs roi’n bhlàr sin air tòir nan Caimbeulach, ’s e Iain lom, am Bàrd a b’ fhear-iùil doibh. Air dhoibh tighinn an sealladh nan Caimbeulach, thuirt Alastair ris a Bhàrd, Théid thu sios leam a màireach gu cath a ‘thoirt do na Guimhnich. B’e Iain lom an gealtaire bu mhò a bh’air an t-saoghal; ach cha robh chridh’ aige a dhiùltadh. Ma théid mise sios, agus gun tuit mi, cò a dh’ innseas sgeul air do ghaisge, ach theirig thusa sios, agus dean mar is gnà leat, agus seinnidh mise do chliù. Ni mi sin ars’ Alasdoir. Tha fios mar choisinn Montròs an là sin, agus mar chaidh an ruaig air na Caimbeulaich. Bha Alastair Mac Cholla maille ri Montròs ann an iomad cath cruaidh, an, dèigh sin, gu h-àraidh aig Allt-Eirinn, agus Kilsyth: agus tha daoine fiosrach ag ràdh nach robh buaidh le Montròs an déigh dha dealachadh ris. Rinneadh Alastair so na Ridire air son a rioghalachd do Righ Teàrlach. An déigh dha dealachadh ri Montròs, leis a bheagan Eirionnach a bha làthair, rinn e air son Chinn-tìre, far an robh fhathast beagan fearainn agus cumhachd aig Cloinn Domhnuill; agus as am bu réidh dhà dol thairis do dh’ Eirinn. A thuill- [TD 63] eadh air na h-Eirionnaich a bha leis, bha Mac Dhughaill Ladharna ’s a chuid daoine, agus muinntir eile a bha fhathast dìleas do’n Righ, a chaidh sios leis chum còmhnadh a dheanamh ri Clann Domhnuill an aghaidh Sliochd Dhiarmaid, a bha miannachadh a chuid fa dheireadh d’an oighreachd a bhuntainn uatha. Tha e air aithris mu Alastair Mac Cholla, mar bha e air a thurus sios do Cheann-tìre gun d’ eirich dha air latha àraidh, stad e fein ’sa dhaoine, chum am biadh maidne ghabhail; am feadh ’s a bha iad ga dheasachadh, shuidh e a’ cur a sgìos, air cnochdan bòidheach uaine, dlù do mhuileann air an do shàth e ’bhratach. Is bòidheach an cnochdan so, a deir e, C’ainm a th’air? Tha ars’ am Muilleir, Gocam-gò. Gu grad dh’ éirich Alastair, fàgamaid, Illean an t-àite so, oir chuimhnich e air fàisneachd a mhuime. Ghabh iad air an adhart, agus mar bha iad a’ dol seachad air Caisteal a bha san àm sin san Lochan-leathann, an sgìreachd Ghlasraidh, loisgeadh air, agus thuit am fear a bha r’a thaobh. Is moch a deir Alastair, a ch—d a chuthag ort, oir b’e là Bealltuinn a bh’ann. Ceum ris a bhruthach, Illean, a deir e, gun tuille sùil a thoirt air an fhear a thuit. Air a cheart àm so bha ’n Triath Earragha’lach le arm laidir fo’n Cheann-fheachd urramach sin Leslie, a fhuair buaidh air Montròs aig Philip-haugh, a gabhail sios do Cheann-tìre, chum an buille deireannach a thoirt do chumhachd Chloinn Domhnuill a bha air taobh an Righ. B’ fhurasda do Alastair am feachd so a ghearradh as ann an Garbhlach Sliabh-gaoil, far an do theab e fairtleach’ air Leslie a mharc-shluagh a thoirt air an aghaidh: ach o’n là a shàth e a bhratach ann an Gocam-gò, cha robh soirbheachadh leis. Air a thurus mu dheas chuir e fein ’sa dhaoine seachad oidhche ann an gâradh Thighearna nan Learg. Bha trupairean Leslie air a thòir, ach bha sgàth orra roimhe o nach d’thainig an t-arm-coise air an aghaidh. Dh’fhan iad uime sin air an ais an dùil gum biodh an t-arm aca air an ath-mhaduinn. Dh’ fhadaidh Alastair teinntean mòra timchioll a ghàraidh, mar gu’m b’ann chum a dhaoine a bhlàthachadh, agus an déigh dha fear fhàgail a chumail an teine suas, agus Pìobaire d’ an d’àithn’ e seinn fad na h-oidhche, thog e air le dhaoinibh, agus bha e dlù do Chaisteal Dhunabhartaidh m’an d’ionndrain càch air falbh e. Mo thruaighe! am Pìobaire bochd, chuireadh a chomas an cleas ceudna dheanamh, oir thug iad gu neo-iochdmhor dheth na meòir. Dh’ fhàg Alastair tri cheud fear ann an Dunàbhartaidh, agus thug e Ile air, agus an déigh dha dà cheud eile ga chuid daoine fhàgail aig athair, Colla Ciotach, ghabh e’n t-aiseag do dh’Eirinn, far an do mharbhadh e beagan na dhéigh sin, ann an cath a chuir e leosan a dh’éirich an aghaidh Iarla Charlingford. Mar so chaochail an Curaidh treun so. Cha robh duine a thug bàrr air fo sdiùradh fir eile, ach cha do choisinn e cliù leis fein. Bha e iomraideach an dàn, agus rinneadh iomad òran molaidh dha an dà chuid an Eirinn ’s an Albuinn. [TD 64] Alastair a laoigh mo chéille, Cò chunnaic no dh’ fhàg thu’n Eirinn; Dh’fhàg thu na mìltean, ’s na ceudan, ’S cha d’ fhàg thu t-aon leithid fhein ann. Calpa cruinn an t-siubhail eatruim, Cas chruinneachadh an t-sluaigh ri chéile; Cha deanar cogadh as t-eug’ais, ’S cha deanar sìth gun do réite; ’S gar am bi na Guimhnich réidh riut, Gun robh an Righ mar tha mi fein duit &c. &c. Bheir sinn cunntas mu na thachair aig Dunàbhartaidh agus Dun-naomhaig san ath-àireamh. Sgiorradh brònach a thachair dlù do’n àite sa bheil so air a sgriobhadh; agus o’m feudar gliocas a tharruing. Thachair do chuideachd a bhi cruinn ann an Ceardaich, far an robh Gille mearachdasach òg, a bha ainmeil aig gach coinneamh air son co mòr ’sa bha e as a spionnadh fein. Air an là so thòisich e ri spagluinn mar b’ àbhuist da, ag ràdh gu’n giùlaineadh e air son leth-bhodach uisge-bheatha, innein na ceardach gu drochaid a bha dlù do laimh, agus air ais a rìs. Chuir duine nach b’ fhearr na e fein geall ris nach deanadh e sin. Thogadh an t-innein air a dhruim, dh’ fhalbh e gu sunndach leis, agus air a philleadh, dlù do dhorus na ceardach, agus stràichd an uaill na bheul, thainig doirneag bheag chloiche na rathad, leis an do thuislich e. Thainig an cudthrom a nuas air cùl na h-amhcha, agus chaochail e an dòrainn mhòr an là na dhéigh sin. Mo thruaighe! Is beag a bha de bhòsd na chainnt air leabaidh a bhàis. Bu chòir dha so sanus a thoirt do dhaoin’ òga gun iad a bhi spagluinneach no moiteil as an spionnadh fein, no fheuchainn, gun aobhar, air dhòigh cho amaideach. Cron diubhalach dibhe laidir III. Earrann. 6. Tha bhi ’n tòir air deoch làidir a treòrachadh gu iomad MI-BHEUS eile. Chaidh cuid diubh sin a thoirt cheana fainear, gu h-àraidh diomhanas. Ach feudar a ràdh, gur ainmig iad a ni le fior dhiomhanas. ’S éiginn gum bi caileiginn aig a chorp agus aig an inntinn r’a dheanamh. ’S ann o sin a theirear, “Nuair a chi an droch-spiorad duine na thàmh, cuiridh e fastadh air na sheirbhis fein. Tha òl a’tarruing gu cluiche. Is gann a tha fios aig muinntir dhiomhanach cionnas a bhuilicheas iad an ùine, gun teannadh ri cluiche. Is diomhain a ràdh mar dhrùigheas na nithe sin air caithe-beatha na muinntir a ghnàthaicheas iad. Fàsaidh iadsan is eolaich’ air a cheird so an ùine bheag nan cealgairean agus nan déircich. Tha e ’g aomadh gu bhi ’g innseadh bhreug. ’Nuair a chailleas duine a chuid’s a chliù, ’s a mhùchar a choguis le deoch bhuaireasach, cha’n ion fiughair a bhi ris an fhìrinn. ’Na leithid sin de [TD 65] chàs tha geallaine air an tabhairt agus air am briseadh gun sòradh, tha fìrinn agus onoir air an cur air cùl; gabhar am brath air an aineolach agus air an fheumach. Cha’n e sin an t-iomlan. O bhi’g innse bhreug is furasd aomadh gu eitheach. Rach a stigh do thigh a mhòid, agus faic co rèidh ’s a gheibhear an samhuil sin de dhaoine gu fianuis bhréig a ghiùlan! Cia faoin ’s a ni iad fearas-chuideachd de na mionnan is cudthromaiche! Ann an iomad gnothach tha ainm uamhasach an De shiorruidh air iarraidh gu faoin fanoideach; agus tha’m peacadh eagallach sin, a leige gu ràidhe Dhe, co cumanta ’s gur gann a mheasar na chionta e. Tha e treòrachadh gu mionnan mi-naomha. Cha’n aithrigh amaideachd agus an-diadhachd a ghnàthachaidh so air a leithsgeul a ghabhail. Tha e treòrachadh gu gabhunn, agus gu tuaileas. Tha iad sin nan caithe-aimsir thaitnich do na misgeirean graineil. ’Nuair a tha ’m beagan tuigs’ a bh’ aca air a bàthadh ann an daoraich, tha aon bhuaidh aca làthair chum an eadar-dhealuchadh o na brùidibh. Ni coin comhartaich agus asailean raoichdil, ach ’s iad daoin’ a mhàin is urrainn gàireachdaich a dheanamh. Anns na cuideachdaibh gleadhrach sin, tha gu minic an tuille gamhlais na eutruimeachd, annta. Tha iad gu tric a’ cùl-chàineadh an fhir nach ’eil a làthair. Annta sin tha diadhachd air a meas mar chléir-chuilbheart; a luchd aidmheil agus a ministeirean mar chealgairean mealltach. Feudaidh aon a chaill a lùths agus a thuigse sin a ràdh, agus gun a bheag ùr a chantuinn. Theagamh gun dubhairt coimhearsnaich Lot an ni ceudna; agus b’e deadh righ Daibhidh a b’òran do’n phòitear. Tha e tarruing gu connsachadh. Thòsich an seirbhiseach dearmadach, m’an do labhair ar Slanuighear, ri cho’-luchd muinntir a bhualadh, sa cheart àm san do thòisich e ri itheadh agus òl maill ri luchd misge. Tha dà thrian de na tuasaidean a tha measg a chumanta ag éirigh o’n òl. “Is cealgach an ni fion, is buaireasach an ni deoch làidir. Cò d’am buin truaighe? cò a ta ri bròn? cò aig a’bheil connsachadh? cò a ta ri gearan? cò aig a’bheil lotan gun aobhar? cò aig a’bheil deirge shùl? Iadsan a dh’ fhanas fad aig an fhìon.” Nach tric a ta daoin’ a’ coinneachadh ann an deadh-fhonn, ag òl an anabharra, a’labhairt faoineachd, a’ meas gun d’fhuair iad tàir, a’ lasadh suas ann an corruich, a’ breislich, a’ bagradh, a’ bualadh nan dòrn: feumaidh iad an sin dol a dh’ionnsuidh breitheamh chum a chùis a réiteachadh. 7. Tha deoch làidir a’cur as de na tograidh is fearr ann an cridhe duine. Nan ceadaicheadh ar n-ùine dhuinn a chùis so a làn mhìneachadh, dheonaichinn tagradh as leth nam brùidean bochda. Thagrainn as leth an eich dhìleis, agus an daimh, a tha gu tric air an claoidh le h-acras agus buillean; agus a’fulang iomad cruaidh-chas o shealbhadairibh misgeach. Ach ann an iomad cùis eile tha iadsan a tha’n tòir air dibh làidir ciontach do an-iochd is antromaichte na iad sin. An abair na daoine sin, Ma dh’ fhuilingeas sinn air son ar n-amaideachd fein, ciod sin do dhaoin’ eile? Nach dad idir, sibh fein a thilgeadh mar lunndairean gun fheum agus mar throm air an sgìreachd? Nach dad idir, ’ur faicinn an cunnart [TD 66] dol bàs le gorta, no ’ur beathachadh mar dhìol déirc? Nach dad idir, cur as de dhòchais ’ur càirdean? Sibhse aig a’ bheil caileiginn de mhothachadh, leigibh leam ’ur n-aire aomadh gu beachd a ghabhail air deòir fhrasach athar agus màthar aosmhor, a tha ’m folt liath a’teachd le bròn chum na h-uaighe. Roimhe so bha gairdeachas orra a chionn gun d’ rugadh mac dhoibh. Dh’ àraich iad e gu cùramach. Rinn iad faire thairis air an àm a thinneis iarganaich. Mheudaich an gràdh dha mar dh’ fhàs e ann am bliadhnaibh, agus smuaintich iad gum biodh e na chomhfhurtachd dhoibh an deireadh an làithean, agus na shochair ga dhùthaich. Tha e nis an tòir air dibh làidir. Mu mheadhon oidhche, tha iomaguin chràiteach a’ cnàmh an cridhe: tha’n cadal air a bhuaireadh leis a cheist mhuladaich so, C’ ait’ a’ bheil ar mac? Esan ris an robh ar dòchas ’n ar sean aois, tha e deanamh fanoid air ar comhairle, ar n-ùrnuighean, ar deoir, agus ar n-earailean; agus tha e nis na chompanach aig misgeirean agus luchd mi-bheus. No an d’ théid sibh leam do ’n bhothan uaigneach, a rinn geòcaireachd na ionad na truaighe. ’S gann a tha fasgadh no dìon ann o’n ghaoith fhuair no o’n gharbh fhrasachd. Faic boirionnach eireachdail, theagamh, a fhuair a togail gu mùirneach beadarrach, ann am measg pailteis, gu sona cuanda, a nis a dh’easbhuidh gach sòlas saoghalta. Tha ’n àilleachd a bha na gnùis a nis air caochladh gu bhi gu seachdaidh preasach; agus tha’n aghaidh sin a bhà aon uair a’boisgeadh le sòlas, a nis air fàs gu glas-neulach tana le cràdh agus bochdainn. Gun chobhair, gun chàirdean, sin i na suidhe, air a claoidh le mulad. A clann mhaoth m’an cuairt di, gu ruisgte, fuar, gortach, a’caoineadh ag iarruidh bìdh, ’s gun e aice ri thoirt doibh. Tha a fear, a gheall an làthair Dhe agus dhaoinibh solar air a son an àm tinneis agus slainte, a’ fàgail a theaghlaich gu bochdainn agus truaighe; a’cuir cùl ris gach dleasnas a bhuineadh dha a choilionadh, chum cìocras gràineil a shàsachadh. Faic am fear-pòsda, an t-athair, a’pilleadh dhachaidh o’n tigh-òsda, gu stacach, tuainealach air dall na daoraich! Tha e teannadh ri diùbhairt: tha e mallachadh agus a’bagradh; gun fhios ciod an gniomh mi-chneasd’ a dh’ fheudas tuiteam na laimh! Och, an oillt a th’air a mhnaoi bhochd, agus air na pàistean bronach! An e faoin-sgeul a tha ’n so? B’ fhearr leam gu’m b’e! Ach nach iomad màthair thruagh, le’n sliochd gun chobhair, ann an dùthaich so a phailteis, a th’ air am fàgail gu beatha neo-shòlasach a shlaodadh as; am feadh a tha na daoine a dh’òrduich Dia agus nàdur gu bhi nan càirdean agus nan luchd dìon doibh, a’ caitheamh am maoin ann an geòcaireachd agus ann am misg. Tha bhi’n tòir air deoch làidir a’tàrmachadh gu bàs truagh. ’S a cheud àite, tha e fàgail dhaoine neo-dheas air son na h-uaire sin. Tha e ciallachadh gun deach dearmad a dheanamh air dleasnais chràbhach. Ma tha dearbhadh a dhì air neach m’an chùis so, smuainticheadh e air duine a’ dol san turamanaich dhachaidh mu mheadhon òidhche, agus a’ gabhail os laimh ùrnuigh a dheanamh maille r’a theaghlach, no dol an uaigneas gu aoradh diomhair. Bhiodh e ro mhi-chiat- [TD 67] ach, agus anabharrach sgainnileach. Nach cinnteach gu ’m maolaich cuideachd agus caithe-beatha a leithid sin de dhuine, a choguis, agus smuainte dùrachdach fhògradh o’n inntinn! Cha ’n e sin uil’ e. Cumar an cuimhne gu bheil e daonnan buailteach do’n bhàs, agus sin gu h-obann. Chunnaic sibh gu bheil e ni’s buailtiche do ghalaraibh marbhtach na daoine stuama. Tha e mar an ceudna ni’s buailtiche do thubaistibh sgiorrail. Cuimhnichibh na dh’ èirich do Bhenhadad, ’nuair chuir se e fein air mhisg na ’bhùth. Cuimhnichibh na dh’ éirich do Nebuchadneser agus d’ a fhlathaibh, nuair a bha iad air an daoraich. Agus ni’s cuimhne libh fein a fhuair bàs le tuiteam; a cho liugha aon a chaidh a losgadh gu bàs, agus le iomad sgiorradh eile, am feadh a bha iad air mhisg. Tha brìgh shonraicht aig an t-sanus: “Thugaibh an aire, air eagal uair air bith gum bi ’ur cridhe fo uallaich le geòcaireachd, agus le misg.—agus gu’n d’ thig an là sin oirbh gu h-obann.” Tha dòchas agam gu’m bi a chùis so aithrigh air ’ur smuaintibh cùramach. 1. Tha e furan aire na muinntir a tha reic dibhe làidir. Tha e so-fhaicinn gur doirbh anns an roinn so an ceartas a dheanamh. Ach is cinnteach gum feudar deoch a reic, gun an tàladh gu dol air mhisg. Ge b’e buannachd a dh’ fheudas éirigh o’n cheaird so, cha’n fheudar a chur an coimeas ris na tha cronail an sùilibh Dhe agus dhaoine. Tha focal De ag ràdh, “Is anaoibhin dhasan a tha toirt air a choimhearsnach òl; a ta cur ris a chopain, agus ’ga chur air mhisg mar an ceudna.” Tha daoine seòlta gu leòir gu inneil bhrosnachaidh gu dubhailc fhaotainn a mach, as eug’ais còmhnadh dhaoin’ eile, gu’n cur fa’n comhair air a mhodh is taitniche. Tha riu-san a tha reic dibhe, na h-earrannaibh beaga, ann an càil beatha agus beusan an co’-bhràithrean an earbsa. Tha mòr chùram orra. Bu chòir dhoibh a bhi nan daoine fior ionraic. Anns gach dùthaich fo dheadh riaghladh feumaidh tighean òsd a bhi chum aoigheachd a thoirt do choigrich, agus mar ghoireas do luchd ghnothaichean. Ach an uair a nìtear na tighean sin nan ionada coinneamh do dhiomhanas agus do mhi-bheus, tha iad air claonadh o’n ceud fheum, agus air fàs nan culaidh ghràin. 2. Tha chùis ag iarruidh aire an luchd-riaghluidh, agus gach aon ris a bheil ceartas an earbsa. A’ bheil na reachdan a’ socrachadh riaghailt reic na dibhe? A bheil iad a’ toirmeasg misg, agus a’ seòladh mar nìtear peanas na lorg. C’ar son nach ’eil peanas air a dheanamh orrasan a ta ciontach? An caidil na reachdan sin gun an cur an gniomh? An abrar nach gabh e deanamh? Gabhaidh e deanamh. Ead. le P. M‘F. Leum a Ghille riabhaich. ’S an t-sean aimsir bha Tighearna Chola, agus Mac Nèill Bharra an rùn nam biodag ga chéile. Phòs fear de thighearnan Bharraidh banntrach a bh’aig aon de thighearnan Chola; agus a chionn nach robh ann an oighre Chola ach leanabh, ghabh fear Bharra ’n cothrom air, a’ gabhail seibh air an Eilean. Theich [TD 68] an t-oighr’ òg; agus ’nuair a thainig e gu aois, chuir e roimhe oidheirp a thoirt air a chuid fearainn fhaotainn air ais. Air dha na dh’ fheud e ’ga luchd-leanmhuinn a chruinneachadh, thainig e air tìr ann an camus taobh deas an Eilean, d’an ainm Acairseid fhalaich. Gu fortanach thachair e air boirionnach a bha’n deagh rùn dà, a thug dha gach fiosrachadh feumail a thaobh an Eilean. Dh’innis i dhà gun robh fear Bharra chòmhnuidh ann an Grìsipoll, air taobh tuath an Eilean, ach leis mar bha e air aithris gun robh esan a’ dol a thoirt oidheirp air a chuid fearainn a chosnadh, gun robh gnàth theachdaireachd air a chumail suas eadar e fein agus mùr Bhreachdachaidh, le teachdaire bha air a chur a mach air each bàn. Faic a nis e, deir ise, a’fàgail a chaisteil ann an garbh chabhaig, chum faireachadh a thoirt air thus’a theachd air tìr. Mar gearrar as e, tha thus’ agus na tha leat an cunnart ni ’s fiach sibh. A’ measg a luchd còmhnaidh bha aon òig-fhear d’ am b’ainm an Gille riabhach, a thairg do Chola (d’am b’ainm Iain Garbh) nan d’ thugadh e dhàsan fearann Dharbhaig, gun rachadh e a chur cosg air teachdaire fir Bharra, agus gun d’thugadh e d’a ionnsuidh a cheann. Dh’aontaich Triath Chola so a dheanamh. Ghabh esan lom gach ath-ghoirid, agus thainig e suas ri teachdaire fir Bharra aig ionad ris an abrar Bealach na foille, agus air dha bhi air thoiseach air, shuidh e sios a’gabhail air a bhi gun umhaill gun sgàth, agus dh’ fheòraich e de’n fhear ciod an naigheachd a bh’ aige. Naigheachd gu leòir a deir esan, tha Iain Garbh air tighinn air tìr, agus tha e a dh’ aon fheachd a’teachd a dh’ ionnsuidh Ghrìsipuill; agus is éiginn domhsa cabhag a dheanamh air m’ais chum nach d’thig iad gun fhios air Mac Neill. Chi mi a chuid daoine cheana air an uchdan ud thall. A’bheil comharadh sam bith leis an tuig Mac Neill le iad a bhi’d chuideachdsa, cò dhiùbh a th’annta càirdean na naimhdean. M’ as naimhdean, a deir esan, fanaidh mis a mach uatha; ach m’as càirdean bithidh mi air m’ each bàn nam broilleach. Chuala mi ni ’s leòir, ars’ an Gille Riabhach, ’s e grad leum air a bhonnaibh, a’ spìonadh an fhir eile bhàrr an eich bhàin, agus a’ cur as da. Cha b’ fhada gus an d’thainig Iain Garbh agus a dhaoine air an adhart, agus thilg an Gille Riabhach ceann an fhir eile d’a ionnsuidh, agus a’ leum air muin an eich bhàin, mharcaich e ann am meadhon na còisridh, leis an robh fear Bharra air a mhealladh; ach leis na bha maille ris do dhaoine, a bha co lìonar ris na bha le Iain Garbh, theann e mach chum a chòmhraig. Tha aithris gun robh fear Bharra ’an còmhrag deise a’ faighinn a chuid a b’ fhearr de Iain Garbh, ni ’nuair a chunnaic an Gille Riabhach a theann ga chòmhnadh, agus leòn e fear Bharra a thug air a ghlùn e, ag ràdh air an àm nach do shaoil e riamh gu’n cuireadh mac Bodach na scait a dhruim ri balla. Sin e agad a nis, agus leig leis fairtleach ort, mar d’théid agads’ air-san. Thainig a chùis cruaidh air a Ghille riabhach fein le co’-dhalta Mhic Neill, cnap-starra na cuideachd, leis am b’éiginn da teicheadh air ais gu bruaich eas, agus sheachainn e buille tàbhachdach a bha d’a ionnsuidh, leis an eas a leum an comhair a chùil, ach leis an neart leis an d’thug codhalta Mhic Neill am buille, chaidh a thuadhchatha co fada san talamh ’s nach [TD 69] robh i soirbh r’a toirt as; mhothaich an Gille Riabhach so, agus a leum air aghaidh, chuir e as do ’n fhear eile m’am b’urra dha e fein a dhìon. Chaidh an ruaig air Mac Neill agus air a dhaoine, agus chaidh Iain Garbh an seilbh a chòrach. Choilion e a ghealladh do’n Ghille Riabhach, le fearann na Darbhaig a thoirt dha. Tha leum a ghille Riabhaich ri fhaicinn gus an là an diugh. Tha e mar uidhe bheag do thigh Ghrisipoll, agus is maith an leum e ri thoirt air aghaidh, gun ghuth a thoirt air ais. Ead. le P. M‘F. D. C. Mu *Chorra-ghràin mhòr America. Tha’n t-eun miorbhuileach so ri fhaicinn mu chuid de chladaichean America! ’Nuair a bhitheas e ag iasgach ann an doimhneachd uisge, cuiridh e solus a mach as a bhroilleach co laidir ri leus mòr. Le so théid aig air pailteas a ghlacadh ann an tiota. Is mòr an dearbhadh a th’againn air gliocas agus maitheas an tighearna anns gach doigh a th’ aig na creutairean an domhain air teachd beo. ’S e so aon de na h-eunlaidh is eireachdail’ a tha ri fhaicinn. Tha e ro-gharg, agus feumaidh an Giomanach a thilgeas e a bhi cinnteach gu bheil e marbh, no mar ’eil e ach leointe bithidh e na bhad, agus ’s ann air sùilean an t-sealgair a bheir e a cheud ionnsuidh. LETH-GHAEL. CUMHADH RIGH DEORSA. Air fonn. IORRAM NA TRUAIGHE. Leam is cràiteach an sgeula Th’air an àm so r’a éisteachd san tìr; ’S e naigheachd so leòn mi, A chuir éididh a bhròin air an riogh’chd. Cha’n Ard-mharaiche fairge, No Ceann-feachd airm chaidh a dhì, Ach cùis mo mhulaid, ’s mo chràidh, Och mo chreach! gun do bhàsaich an Righ. Is na bhàsaich Righ Seòras? Flath oirdheirc na h-Eorpa gu léir, Ann am mòralachd pearsa, Ann an aoidhealachd dreach, is am beus. Fear do mhòralachd Rìoghail, Cha’n fhaic sinn gu dìlinn a’d’ dhéigh: Is thoill thu bhi d’ uachd’ran. Air an rioghachd is buadhair’ fo’n ghréin. ’Bhliadhna thainig thu dh’Albuinn Bi’dh i ainmeil is alloil ’n ar cuimhn’, Chruinnich Maithean na Dùthcha, Is Cinn-fheadhna do Lùth-chuirt nan suinn. Thainig sluagh do d’ chuid daoine, Air an tarruing le d’aoidhealachd cruinn: ’S a ghàir aoibhneis a thogadh, An Dun-eidean, cha togar r’ar linn. O! b’e seannadh an àigh e, ’Nuair chruinnich do chairdean o chéin; Bha do chùirtirean uasal, Gach aon diubh na shuaicheantas fein; Ach fo bhreacan an fhéile Thug thu barr air an éididh gu léir; ’S cha robh sùil air na reultan, ’S tu mar ghrian air ùr éiridh san speur. Thainig Righrean gad fheòraich, O gach dùthaich san Eorpa gu léir, Leis gach Laoch is gach Ceannard, Choisinn buaidh anns an teanndachd bha géur; Ach bha Breatunnaich éibhinn, ’Nuair dh’fheudadh iad éigheach le chéil, Cha’n’eil Flath san Roinn-eòrpa Sheasa coimeas ri Deòrs’ againn fein. * The great American Bittern. [TD 70] Bu chul’ uamhais an iomairt, Leis na dh’ fheuch iad ar sgriosadh gu lòm, Oir cho’-aondaich na Riogh’chdan Ar smàladh fo ìochdar nan tonn; Shéid an doinionn le dìle, Chaidh cadha fairg’ agus sìoban m’ ar ceann; Ach sheas Breatunn gu buadhar, Mar charraig nan stuagh anns a chuan. O’n a chaochail an t-àrmunn, Ciod a cheann’chas dhuinn tèarmunn o’n bhàs? Cha bheairteas nan Innsean, No ’mhòralachd rìoghail is àird’; Cha’n’eil buaidh air an nàmhuid, Ach a bhuaidh sin a thàinig le Gràs: Is tha sinne fo dhòchas, Gun robh bhuaidh so aig Deòrsa na bhàs. Chuirinn fàilte le furan Air a Bhràthair Righ Uilleam nam buadh, Air ’n do thuit an t-slat rìoghail, Le co’-aontachadh dìleas an t-sluaigh. Tha Bàn-righ nan cuantan Breatunn uaibhreach uallach nan stuagh, Fo mhoit gun do chrùnadh, Ard-mharaiche rùnach a chuain. LE BODACH NAN ORAN. SEANN ROB LIATH. ’Nuair bha eoin bheag na’n geug, ’s gach spréidh a’ gabhail tàmh, Is gach aon ni fo’n ghréin, ach mi fein n’an cadal séimh; An sachd tha trom air m’ inntinn gun do lion e mi le deoir, ’S ann na luidhe sios ri m’ thaobh a bha aobhar mo bhròin. ’S a chridhe orm an tòir dh’ iarr Seumas òg mo lamh, ’S ach aon chrùn de stòr cha robh dh’òr aige na thàmh; ’S a los an crùn a dhùbladh gun d’ fhalbh e nunn air chuan. ’S nam buannaicheadh e stòr gur ann dòmhs’a bha bhuaidh. An sèatha cuid de’n ràidhe cha robh mo ghràdh air chuan, ’Nuair luidh gu tinn mo mhàthair, is ghoid iad blàrag uainn, M’athair fo throm chreuchdan, is Seumas air a chuan, ’S ’nuair thainig Rob am phòsadh ’s i Seònaid bha truagh. M’athair bhrist e làmh, ’s chaidh mo mhàthair o’n t-sniomh ’S nam fuirghinns’ am thàmh gum biodh iadsan gun bhiadh Chum seann Rob iad o’n bhàs, agus labhair e le deur, O Sheonaid air an sgàth thoir do làmh dhomh o’n Chléir. Mo chridhe rinn a dhiùlt bha mo dhùil ri Seumas òg, Ach bha’n soirbheas ga shéide, ’s bha ’n long an dèigh a leon; Bha ’n long an déigh a leon, ’s truagh nach mis a bh’ann san ròd: Is c’arson a tha mi làthair a dh’ àireamh an sgeoil. [TD 71] M’athair bha e sàmhach ’s bha mo mhàthair ruim an gruaim, ’S ’nuair a chunnaic mi fhein ’n deoir bha mi deònach anns an uair, Thug iad dà mo làmh ’s bha mo chridh’ air bhàrr nan tonn; Is tha e nis na luidhe làmh rium, ’s gur cràiteach sud leam. Mìos cha robh mi pòsda ’s mi ’n còmhnuidh fo bhròn, ’S mi ’m shuidh am dhorus fein chunnacas taibhse Sheumais òig, ’S ann thainig mi gad’ phòsadh ’se thuirt an t-òig-fhear rium, ’S ann an sin a chreid mi fhein nach i bhreug rinn mo shùil. O! ’s trom a shil ar deòir, ar briathra beoil bu ghann, Cha do ghabh sinn ach aon phòg ’nuair a dh’ fhògradh e o m’cbainnt. ’S truagh nach d’ fhuair mi bàs ach thig e trà ni’s leoir, Is ciod uim’ a tha mi làthair a dh’ àireamh a sgeòil? ’S mi mar thaibhs’ anns gach àite, bonn stàdh cha’n éirich leam, Cha smaointich mi air Seumas, bhiodh sud na eucoir thruim; Ach o’n is ann do sheann Rob a cheangla mi mar mhnaoi, Gum bi mi mar mo dhìcheall gu dìleas ’s gu caomh. Ead le T. S. Iongantas nan Tri Saoghail! Iongantas nan Tri Saoghail!—Ciod e dh’ fheudas so bhi ’ciallachadh!—Ciod is urrainn bhi ann! ’Bheil thu’n ad Fhear-briseadh na Sabaid? Tha mi’n dòchas nach ’eil: ach ma tha, ’s tusa an t-iongantas sin! Tha thu ’n ad Iongantas air Neamh! An sin tha na h-uile cho sona, ’s gur iongantach leo cia mar is urrainn thu’n latha beannuichte sin a mhi-naomhachadh a ta ’na shamhladh air neamh, agus a shonruich Dia Nèimh gu bhi air a choimhead naomh; oir is aithne dhoibh gu maith, ma bhàsaicheas tu’n ad Fhear-briseadh na Sàbaid nach urrainn thu gu bràth tighinn far a bheil iadsan. Tha thu ’n ad Iongantas air Thalamh!—Tha na h-uile fior Chriosduidhean a’ mealtuinn sòlasan cho naomha air Là an Tighearna’s gu bheil iad a’ gabhail iongantais riut, agus ri bron os do cheann, mar nàmhaid do Dhia ’s do d’ anam fein, am feadh tha thu caitheamh do bheatha ann am briseadh an latha choisrigte. Is àill le Dia a ràdh, “Coimhididh sibh mo Shàbaidean.” Ach tha thusa le d’ ghniomharaibh ag ràdh, “Cha choimhid mis’ iad.” Tha thu ’n ad Iongantas an Ifrinn!! Tha deamhain agus anama caillte cho truagh ’s gu bheil iad a’ gabhail iongantais riut, mar chiontach cho mòr ’na aghaidhsan a b’ urrainn do bhualadh marbh ann an tiot, agus d’fhògradh a dh’ ionad na dòruinn maille riu fein. Tha sinn a leughadh ann am Focal De, mu aon ann an Ifrinn a [TD 72] bha co cràiteach’s gu’n do ghuidh e gu’m biodh fios air a thoirt d’a chùignear bhràithrean air a staid mhuladaich, chum gu’n rachadh iad as o ionad na dòruinn sin!! Na bi ni’s fhaide’n ad leithid so de dh’ iongantas! Dlùthaich ris an t-Slanuighear mar pheacach aithreachail; an sin bidh ainglean De le h-ioghnadh a’deanamh aoibhneis “airson aon pheacach a ni aithreachas.” Luc. xv. 7. [Ead.] Le DOMHNULL. Chum “An Teachdaire Ghaelich.” NAIGHEACHDAN. Ghlac na Frangaich Algiers, agus le cead Uachdarain eile na Roinn-eorpa, gleidhidh iad greim air an tìr gus an d’thig iad gu socrachadh m’a timchioll. Tha Pharlamaid r’a cur fa sgaoil; agus is iomad costas, ùpraid, agus othail a bhitheas ann, m’an taghar muinntir a shuidheas san ath-Pharlamaid. Bha’n aimsir san àm a chaidh seachad gu fliuch fuar. Tha ’m bàrr trom, agus ma thig an uair a so suas freagarrach, bithidh e tarbhach, ach is ni cinnteach gu’m bi e mìos ni’s fadalaiche na b’ àbhuist dà. Tha mhin agus an t-aran air togail, le coslas bagarach na h-aimsir, agus le gainne tha iad a’ faireachduinn an Eirinn. FOCAL SAN DEALACHADH. Fhuair sinn litir Mhurchaidh, ag iarraidh oirnn beagan de’n Ghaelic ùir sin a tha iad a’fuineadh an Glaschu an trà so, a chur dhachaidh, a dh’ fhaicinn cia mar chòirdeas i riu. Cha’n’eil againn mar fhreagradh dha so, ach nach ’eil am bonnach-beag bruich fhathast; agus deanadh e cleas na brigise glaise air an t-seana Ghaelic, leanadh e rithe gus am faigh e ni’s fearr. Tha mòran againn ri ràdh san àm ri’r càirdean lionmhor, ach cuiridh sinn dàil ann gus an ath-àireamh. ’S e ar n-iarrtas, a so suas, gur ann a dh’ionnsuidh Dr. Dewar a thèid gach litir m’an t-Searmoin a chur; agus gach ni a bhuineas do’n Teachdaire a chur a dh’ ionnsuidh Dr. M‘Leoid; oir cha do chuir Dr. Dewar focal riamh fhathast anns an Teachdaire Ghaelach. Maclure, Printer, 56, Trongate, Glasgow. [TD 73] AN TEACHDAIRE GAELACH. CEUD MHIOS AN FHOGHARAIDH. XVI. AIREAMH. 1830. LATHA CHOMUNAICH. B’ANN air maduinn Sàbaid a Chomunaich a ràinig mi an sgìreachd sin anns an d’ fhuair mi mo thogail, agus m’àrach, an déigh dhomh bhi iomad bliadhn’ ann an tìr chéin. M’an d’éirich a ghrian, bha mi as mo leabuidh; agus thug mi orm ceann toiseach na luinge, a bha dlùthachadh le sruth agus soirbheas a dh’ionnsuidh tìr mo cheud chuimhne. Bha mullach nam beann air an òradh le òg ghathaibh na gréine; bha ’n soirbheas a bha againn rè na h-oidhche a nis a’fàillneachadh, bha féith nan neul a’ teachd air a chaol; agus sàmhchair maduinn an Tighearn a’ sgaoileadh ann an àilleachd chiùin air gach taobh, A cheud sealladh a fhuair mi air beanntaibh dorcha mo dhùthcha dh’ at mo chridhe; agus thainig reachd a’ m’ mhuineal. Shuidh mi cùl an t-siùil, agus bha mi taingeil, gun d’fhuair mi mo dheòir a shileadh an sàmhchair. Cha’n’eil e a’m’ chomas innseadh, co dhiùbh bha mi deònach gabhail air m’ aghaidh, no pilleadh air m’ ais o’n dùthaich sin, far nach robh iadsan a nise beo a dh’fhàilticheadh mi le deòthas agus bàigh an anama. Ach mhothaich mi, mar gum biodh cumhachd diomhair gam éigneachadh air m’adhart—sruth laidir mo chladaichean fein ga m’dheothal d’an ionnsuidh. Ann am uile imeachd allabanaich feadh an t-saoghail, ghiùlain mi air mo shiubhal an leabhar salm sin, as an cuala mi m’athair a leughadh an t-sailm fa dheireadh thog mi maille riusan, a tha nis a chuid is lionmhoire dhiubh, ’nan sìneadh r’a thaobh. Is iomad là, fo ghréin loisgeach nan Innsean, a dh’ iarr mi sgàile nan craobh ga léughadh; agus cha d’ thainig buaireas air m’ inntinn, o nach d’ fhuair mi faobhachadh ann an leughadh nan Salm. Dh’ fhosgail mi nis e, agus le leughadh an seathadh salm thar an t-seachd fichead, mhothaich mi nach do chaill iad fhathasd an cumhachd thairis orm. Dia molaibh; mol, O m’ anam, Dia, Molaidh mi Dia ri m’bheò; Ard-seinnidh mise cliu do m’ Dhia, ri fad mo rè’s mo lò. An déigh dhomh mo thaingealachd a chur an céill gu tosdach dhàsan d’an léir an cridhe, airson an tearuinteachd a dheònaich e dhomh air mo thurus, chaidh mi gu tìr. Bha e fhathasd ro mhoch [TD 74] dhomh dol gu tigh sam bith, agus chaidh mi uime sin, ceum as mo rathad, a dh’ fhaicinn eaglais na sgìreachd; agus an cladh sin anns an do chàiricheadh iomadh aon o’n là a dh’ fhàg mi an dùthaich. Ghabh mi mo chuairt bhrònach air feadh nan leachdan uaigneach. Cha robh feum agam air fear-iùil. Ghluais mi o uaigh gu uaigh, a’ cumail comhnaltradh a’m’ inntinn féin leosan a bha àillidh ’n am beatha, agus ’n am bàs nach robh air an dealachadh. Shuidh mi fa dheireadh air tolman uaine bha ann an àite leth-oireach, ach cha robh e na aonar: bha leapuichean caol eile ma thimchioll ann an dlù chàirdeas. Is mise thuig, gun leachd-lighe ga innseadh, cò bha nan sìneadh fo na fòidibh gorma sin. Am measg nan uaighean so, leig mi le m’ chridhe labhairt; agus cha do chaisg mi mo dheòir. Fo na fòidean so, arsa mise, tha iadsan nan sìneadh, a chuireadh an diugh fàilte le furan ormsa, nam biodh iad ’an tir nam beo. Ach is peacach so, a deir mise, tha mo dhòchas gu bheil iad ann an tìr ni ’s fearr. B’òg mi, a’ seasamh ri’n glùn, ’nuair a dh’ aithris mi an laoidh sin a tha nis’ a’ toirt domh sòlais, C’arson ma ta bhios mi ri bròn, mar dhream gun dòchas mòr; Am bheil sa’ bhàs ach teachdair sìth’ ’gan gairm gu rioch’chd na glòir’? Bha mi nise sonadh; dh’fhairich mi mar gu’m biodh a cheud choinneamh eadar mi agus mo chàirdean seachad; mar gu’m biodhamaid an déigh ar cridheachan fhosgladh da chéile, agus ar deuchainne taobh air thaobh o dhealaich sinn innse. Ghabh mi dh’ ionnsuidh tigh-còmhnuidh a charaid bu dìlse dhomh bha san dùthaich. Bha iad san fhàrdoich so fhathast, a dh’ fhàiltich mi le bàigh agus le furan. B’e maduinn là a chomunaich a bh’ ann, agus bha gach aon a’ deanamh deas gu falbh; agus sealladh ni’s taitnich cha ’n ’eil e comasach fhaicinn, na sluagh dùthcha a’ togail orra dh’ ionnsuidh na cuirme naomha. Bha astar mòr aig cuid de mhuinntir na sgìreachd so ri dol, thairis air muir a’s monadh, tre aibhnichibh bras, agus trid garbhlaichibh aimhreiteach. ’S ann air leth-thir na dùthcha bha’n eaglais; air faiche bhòidheach, ri taobh a Chaoil sin is àillidh na gach caol eile am bheachd, ged is fad a shiubhail mi. Bha sluagh an leth-thir a’ gabhail na slighe; cuid diubhsan a b’ aosmhoire a’marcachd air cùl na srathrach, agus an ògridh a gluasad nan deigh An t-aosda, ’s an crom, ’s an dall, ’S gille nan teum baobh na cheann; Euslaint ag àinich le péin, A làmh critheach, ’s a cheum mall. Bha mòran a’ gabhail suas’an cois an fhearainn ann am bàtaichibh: an t-sean-bhean, an cripleach lag, an t-aosda anfhann; a mhàthair le naoidhean air a cìch; ’s an diol-déirce bochd, leis a churachd agus an cleòchd a fhuaras an iasad airson no còmhdhail;—a h-uile seòrsa eadar àrd agus iosal, eadar lag agus làidir, a’ triall le chéile gu àros De. Seadh, chaidh mi leo le gàirdeachas, is molah fòs le chéil’, Seadh leis a chuideachd sin a bha a’ coimhead latha féill. [TD 75] Air taobh garbh na dùthcha, agus anns na glinn bha mòran sluaigh a chòmhnuidh; chìte iad so ag iadhadh a nuas mu ghuala nam beann, agus a’ruigheachd an rathaid mhòir o gach gleann a bha treòrachadh d’a ionnsuidh. Mar so bha ’n t-slighe chum na h-eaglais a’ sìor-dhòmhlachadh, mar chìthear abhuinn mhòr ag at le lionmhoireachd nan allt ’s nan sruthan a tha ruith d’a h-ionnsuidh. Dhlùthaich an sluagh air an eaglais, ach mhothaich mi gun do shuidh mòran diubh air leachdan, agus uaighean an càirdean. Chìte an so, a bhanntrach bhrònach, ’s an turamanaich air fòid an fhir sin leis am b’ àbhuist di dol suas do thigh agus do theampull Dhe. Chìte an t-athair agus a mhàthair a’ sileadh nan deur le chéile, a dearcadh air an tolman ghoirid, a bha air ùr thogail; agus chluinnt an t-aosmhor lag ag ràdh r’a mhac, so an leab’ anns an càirich thu mise, far a’ bheil m’athair agus mo shinnsirean romham. Chualas fuaim na téis bhinn, an Clag bu taitniche fonn. Chruinnich an sluagh m’an phàilliun sin a muigh air an làr, anns an robh ministeir na sgìreachd ri labhairt riu. Cha chumadh an eaglais trian de’n t-sluagh, agus dh’fhàgadh i aig luchd na beurla. Bu shealladh e nach feudadh gun drùghadh air gach cridhe, ’nuair a thòisich seirbhis an latha. Bha iad a’ suidhe ’nan teaghluichibh; bha sàmhchair bheannaichte ’n am measg; bha irisleachd air gach gnùis; bha iomadh sùil ri nèamh; bha na bilean a’gluasad ge nach robh focal r’a chluinntinn; bha còmhdacha cinn nam fear air an làr; bha iomad làmh air a togail gu dùrachdach suas, agus b’fhurasd a thuigsinn gun robh an co’-thional ag asluchadh beannachd an Ti a’s àirde. Thugadh a mach an t-salm, agus thòisich a choi’-sheirm bhinn, So fein an là a dh’ òrduich Dia, sam bi sinn suilbhir ait. Foir, guidheam, guidheam ort a Dhe, nis soirbhich leinn gu pailt. B’iad na briathran a ghabh e mar stéigh a theagaisg air an là so, Luc. xxii. 19. Deanuibh so mar chuimhneachan ormsa. O’n cheann teagaisg so, leig e ris doibh ciod e Criosd a chuimhneachadh; labhair e m’ an eòlas, m’ an ghràdh agus m’ an chreidimh a tha fillte steach anns a chuimhne so chumail; agus ann an cainnt, nach feudadh gun drùghadh air gach cridhe, leig e ris na sochairean lionmhor a ta sruthadh o chuimhne cheart a chumail air Iosa. ’Nuair a thainig e chum nam fìrinne so chàradh ri cor anama bha leointe air son peacaidh, ’s iomad dùile bhochd a fhuair sòlas. Ciod, a deir esan, is urrainn am barrachd sòlais a thoirt do’n aithreachan bhrònach, na smuainteach air Slanuighear a chaidh a leon air son eu-ceartan agus a bhruthadh air son aingidheachd san? cuimhneachadh air an fhuil sin a ghlanas o gach uile pheacadh; cuimhneachadh air san a shaor cheana na mìltean do shliochd pheacach Adhaimh, agus a ta fhathast a toirt cuireadh càirdeil do gach neach a tha sgìth airsneulach agus fo throm uallach a pheacaidh, iad a thighinn d’ a ionnsuidh-san, agus gum faigh iad suaimhneas d’an anamaibh. O! is milis, a deir e, cuimhneachadh air Slanuighear a’ dortadh a mach anama mar iobairt air son peacaidh; ach is mìllse gu mòr cuimh- [TD 76] neachadh air mar Fhear-tagraidh tha’an làthair Dhe as leth a phobuill. Chaidh e air adhart a’leigeadh ris doibh cia cumhachdach ’s a tha cuimhn air bàs Chriosd a chum fuath a dhùsgadh san anam an aghaidh a pheacaidh, chum gràdh do’n t-Slanuighear a bheothachadh, chum gràs a neartachadh, agus ullachadh air son bàis agus breitheanais a thoirt m’an cuairt. Cò, ars’ esan, ann an co’-dhunadh, anns an t-saoghal bhochd aingidh so, a dhiultas cuimhn’ a chumail air bàs an Fhir-shaoraidh. Deanadh daoin’ eile mar is àill leo, ach air mo shons’, ars’ esan, le dealas àrd na ghnùis, ’An là a dhi-chuimhnicheas mis thus’, Iosa bheannaichte, dì-chuimhneachadh mi dheas làmh a h-innleachd, leanadh mo theanga ri ’m ghial mar chuimhnicheam thu, mar annsa leam thu na m’ aoibhneas is àirde. An déigh na searmoin, chaidh am ministeir air adhart a réir modh na h-eaglais a thoirt cuireadh do chairdibh an t-Slanuighear teachd air an aghaidh; agus a’ toirt sanus do pheacaich iad a dh’fhuireach air an ais. Cò is urrainn a chur an céill an dlù-aire, agus an socrachadh anama leis an d-éisd an co’ thional ris a chuid so de sheirbhis an latha. Mar thoirmisg e peacaich, le ùghdarras àrd mhaighstir na cuirme, mhothaich mi an fhuil a’ sìoladh an gruaidh cuid diubh; mar gum biodh uamhas air a dhùsgadh nan cridheachaibh; ach ’s ann an uair a thòisich e ri labhairt ann an cainnt a ghràidh ri luchd-leanmhuinn an Uain, a chuala mi an osna throm, agus a chunnaic mi na deòir gu frasach a’ tuiteam. Leanaibh mi, ars’ esan a mhuinntir mo ghràidh, gu h-athaiseach riaghailteach, mar is gnà leibh, a dh’ ionnsuidh a bhùird, agus seinnibh mar thèid sibh air ur n-aghaidh, an Ceathramh Salm thar an fhichead, o’n treas rann, Cò e am fear a théid a suas, gu tulaich naomha Dhe? Is fòs ’na ionad naomha-san, cò sheasas ann gu rèidh? Ghluais iad a dh’-ionnsuidh na h-Eaglais, cha robh strìgh cò bhiodh air thoiseach, agus cha robh iarruidh gu bhi air deireadh. Dh’éirich mar chòladh na slòigh, Le salm nuaidh ’s le clàrsaich ghrinn, Cridh a’s beul a gleusadh phong, A coimeasgadh nam fonn binn. Shuidh iad m’an bhord, ach thug mis orm air an àm àit’ iomallach san eaglais, agus leag mi mo cheann air a bhord a bha romham. Ged a dh’ fheuch mi gach smuain shaoghalta fhuadach air falbh, gidheadh car tamuill dh’ fhartluich so orm. Thainig na làithean agus na daoin’ a dh’fhalbh gu m’ chuimhne. Chunnaic mi, air leam, agus chuala mi ministeir mo ghràidh nach maireann—na foirfich chòir a b’àbhuist frithealadh air na bùird—chunnaic mi m’athair, agus mo mhàthair, mo chairdean agus luchd mo ghaoil, a’ gluasad a dh’ionnsuidh a bhùird; dh’ aithnich mi, air leam, an guth san t-salm; agus cha b’urrainn domh a chur am fiachaibh orm fein nach robh iad a làthair. Ach thainig smuainte ni’s prìseile am chuimhne ’nuair a thòisich na bùird. “Tha caraid ann, arsa ’m Ministeir ’s e tòiseachadh, a leanas ni’s dlùithe na aon bhràthair.” Thog e mo chridhe gu cuimhneachadh air-san a chuimhnich ormsa, eadh- [TD 77] on gu bàs. Chaidh mi dh’ ionnsuidh a bhùird, ghlac mi cupan na slàinte, agus ghairm mi air mo Dhia. Bha Criosd, agus esan air a cheusadh air a chur fa m’ chomhair, bha co’-chomunn sòlasach aig m’ anam ris anns an òrdugh. Smuaintich mi air buaidh a chroinn-cheusaidh; agus thug an Spiorad dhomh mothachadh, gu ’m b’ iad creuchdan Chriosd m’ ioc-shlaint-se; fhulangas mo shìth; osnaichean òrain mo ghairdeachais; a nàire mo ghlòir, a bhàs mo bheatha, agus obair gu leir saorsa m’ anama. Leigeadh dhomh mo thaic a chàradh air, is bha mo chridhe làn de bhròn naomha, a’s de dh’aoibhneas árd. Dhùisg m’fhuath air a pheacadh; las mo ghràdh air mo Dhia. Thogadh mi gu sliabh Phisgah, fhuair mi sealladh air tìr a gheallaidh, agus earlais roimh-laimh air subhachas nan naomh. Dh’ éirich mi o’n chuirm, agus thog mi le m’ cho’-chàirdibh gaolach am fonn taingeil, O m’ anam beannaich fein a nis Iehobhah mòr do Dhia; Na di-chuimhnich na tiodhlacan a dheònaich dhuit an Triath. Chuir mi seachad a chuid eile de’n latha ag éisdeachd nan daoine taitneach a bha mach air a bhlàr, agus bha iad d’a rìreadh taitneach; oir ged a dh’ionndrain mi na sean laoich thréin a b’ àbhuist a bhi ’n so air a leithid a dh’ àm, bha aobhar agam a bhi taingeil gun d’ thainig caomhain ghaolach nan àite, nach robh air deireadh. Leo, air gach dòigh, bha mi làn riaruichte. Agus bu taitneach fhaicinn am meas a bha aig a cho’-thional orra. Cha robh aomadh no togradh gu dol chum nan tighean òsda; cha robh iad ’n am buidhnean an sud ’s an so a’seanchas ri chéile, ach mar aon phobull aig an robh an aon obair mhòr ’n am beachd. Thòisich an t-searmoin bhuidheachais, o Deut. iv. 9, 10. “A mhàin thoir an àire dhuit fein, agus gleidh t’anam gu dìchiollach, air eagal gu’n dì-chuimhnich thu na nithe sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gu’n dealaich iad ri d’chridhe uile làithean do bheatha—Gu h-àraidh an là a sheas thu an làthair an Tighearna do Dhe ann an Horeb.” O na briathraibh sin chuir e mu’n coinneamh cuid de na seallaidhean taitneach a chunnaic sùil a chreidmhich aig bòrd comunaich. Man t-sealladh a fhuair iad an sin air gràdh, air cumhachd, air gliocas agus air naomhachd Dhe. Labhair e m’an t-sealladh a fhuair iad air geur-chruas an lagha agus air toilltinneas a pheacaidh. Labhair e m’an taisbeanadh a thugadh dhoibh air gamhlas agus lèir-sgrios an naimhdean, agus air àilleachd agus glòir tìr a gheallaich. Chaidh e’n sin air aghaidh gus an earalachadh am briathraibh a theagaisg, gus an aire thoirt doibh fein, agus an anama a choimhead gu dìchiollach. Bha ghrian a tearnadh san Iar m’an d’thainig e gu crìch, ach coslas sgìos no fadal cha’n fhaca mi air a h-aon. Tha ’n obair, a deir esan, m’an d’thainig sinn an diugh cruinn, a nis dlù air bhi criochnaichte; agus ’s ann aige-san a ta shuas, a mhàin aig a bheil fios cò a shuidheas a rìs aig bòrd comunaich. M’an tig an ath-chòmhdhail san àite so, fosglar iomad aon de na h-uaighean sin air a’ bheil sibhse san àm ’n ar seasamh, agus bithidh cuid agaibhse ann an suain a bhàis annta. O, ma ta, bithibh dìleas d’ar bòidean; bithibh dìleas d’ar Dia! Deanadh a ghrâdh d’ ar n-anamaibh ur co’- [TD 78] éigneachadh gu bhi beo dha. Air a ghràdh-san duibhse dh’ fheudamaid labhairt gus an rachadh a ghrian ud fodha ’s gu’n éireadh i a rìs; seadh cha bhiodh an sgeul air a làn-aithris gus am fàsadh a ghrian ud doilleir le aois, gus am fàillnicheadh nàdur, agus am mionnaicheadh an t-aingeal cumhachdach Nach ’eil aimsir ann ni’s mò. An sin fein cha bhiodh an deicheamh mìle cuid deth air innseadh. Feadh linnte bith-bhuantachd gu léir togaidh mi òran binn; Ach O! ’s ro ghoirid bith-bhuantachd, gu moladh Dhe a shéinn. A mhuinntir mo chridhe ’s mo ghaoil ars’ esan, Slàn libh. Dia bhi maille ribh! Bha ’chridhe fein làn, agus is ann le cainnt bhristich agus le deuraibh a thog e ’n ùrnuigh fa dheireadh suas. Cho’-dhùineadh an t-seirbhis. An i so, arsa mise, a Ghaeltachd air a’ bheil luchd nam bailtean mòr a’ deanamh tàir? An iad so, a deir mise, na Ministeirean Gaelach air a bheil a cho liugha tuaileas air a thogail, agus cùl-chàineadh air a dheanamh? O! thìr nam beann! tìr mo chridhe, tìr mo ghràidh! Gu ma fad a bhitheas do Shàbaidean naomh air an cumail mar bha an t-aon so! Gu ma fada chluinnear teagasgan co fallain air an sparradh air do luchd àiteachaidh, agus do chainnt mhilis bhlasda fein air a labhairt co snasmhor agus co drùighteach! Am feadh ’s is beo mi, cha di-chuimhnich mi an t-aon ghuidhe dùrachdach, teas-chridheach, a thog gach aon, agus mar cho’-chriochnaich an coimhthional mòr sin mar nach biodh ach aon bheul ga labhairt, agus aon chridhe ga ghuidhe. Amen, agus Amen. AM MORBHEINNEACH. AN T-SÀBAID. An là so nach tosdadh ’s nach ciùin! Is anail cia cùbhrai neo-shearbh! Tha sàmhchair is fos air a ghnùis, ’S e’n saoghal dh’ fhàs diùid agus balbh; Cha’n fhaicear, ged sheall air gach laimh, Aon duine no ainmhidh ri stà— Tha gach creutair nan ionadaibh tàimh; Gu taingeil, cur seachad an là. Tha gach ionad bha luaineach is làn, Gun iomra air stà no air súrd: Mar cluinnear guth ùrnuigh no dàin A dìreadh gu àrd Righ nan dùl: Tha’n saoghal air aomadh na shuain Cha’n fhaicear ann gluasad no saoith’r— ’S cha chluinnear ann tartar no fuaim Ach guthanna uasal is caoin. [TD 79] Tha ’n uiseag a gleusadh a ciùil— ’S am brudearg, gu sunndach ri ceol— Am smeòrach, nan comunn le sunnd, ’S an lon dubh le sùrd mar bu nòs; Ciod thuige an t-sàmhchair san fhois, Tha coit-chionta os agus thall? Nach ioghna aon bheul bhi na thosd? ’S gu moladh aon teanga bhi mall! Nach binn e, an ceol a tha ’m chluais! Nach fonnar fìor uasal is caoin! A’ dìreadh gu flaitheanas suas Ard mholadh an Uain is a ghaoil; ’S an ioghna ged sheinneadh gach beul A mholadh gach rè agus lò? Ged sgaoileadh le aoibhneas an céin Ged chliùithich le chéil’ e gach slògh? ’S an teampull san cruinnich a shluagh A mholadh cha’n fhuar is cha chli; Tha spiorad gan còmhnadh gu luaidh— A gleusa sa gluasad an cri; Oir chunnaic iad aiteal da ghlòir, ’S cha d’ cheileadh a bhòichead on sùil; Is dh’aontaich le h-aoibhneas is deoin An gaoil a thoirt do is an rùn. A chliùsan na farum nan teud Is binne gach rè agus ial; ’S a ghràdhsan is mìlse gach rè No mhil thig o ’n chéir tha do’n bhial; Ach thosd e! is dh’imich na slòigh, Gu bòidheach gu’n còmhnuidhean fein; Gu foistinneach, farasda, fòill Le h-inntinnibh còmhnard da réir. Tha ’m feasgar air ciaradh man cuairt, ’S gach creutair air gluasad gu tàmh; ’S air aghaidh a chruinne san uair, Luidh tosdachd, luidh suaimhneas is pràmh. Mar cluinnear measg dhuilleach nan crann, Caomh osnaidhean fann aig a ghaoith— No toraman nan caochan o’n ghleann— No binn cheol naomh dhàin agus laoidh, [TD 80] Cha chluinnnear air anail nan speur Aon fhuaim a tha eatrom na trom; Luidh suain air an t-saoghal gu leir Air còmhnard ’s air garbhlach nan tom. An oidhche a dù bhrat do sgaoil, Air aghaidh an t-saoghail’s gach àit; ’S tha codal air chlanna nan daoin A braona gu caoin is gu tlà. FIOR GHAEL. CUAIRT A MHINISTEIR GHAELAICH. Is iomad dleasnas ro chudthromach a tha ’n earbsa ri Ministeiribh an t-Soisgeil; ach cha’n fhiosrach mi gu bheil ann a h-aon is cudthromaiche, na dhùisgeas barrachd iomaguin na chridhe fein, no co’-chomunn a chumail aig bruaich a bhàis ris an anam sin a tha, do réir coslais, ann an ùine ghoirid ri bhi ann an siorruidheachd, Air uairibh gu dearbh, tha e ro shòlasach; ’nuair tha ar gnothach ri fior chriosduidhean agus ri creidmhich naomha. An sin cha’n’eil againn ach an dòchas a bheothachadh an tòir air an rioghachd sin a gheall Dia dhoibhsan aig a’ bheil gràdh dha; an tarruing chum an anama earbsa r’am Fear-saoraidh, an taic a chàramh air gràdh agus geallaidhean Dhe, agus a ghlòrachadh air leabuidh am bàis, le bhi làn strìochdta d’a thoil, agus mar so an tàladh nan suain ann an Iosa. Ach c’àit’ a’bheil am fear-teagaisg sin nach d’ fhairich e fein a’ fàillneachadh fo gheilt ri taobh leaba an euslaintich, gun fhios cò dhiubh a’labhradh e bagruidhean an lagha no geallaidhean an t-Soisgeil. Dùrachd a chridhe fein sìth a labhairt, ach eagal anam’air so a dheanamh, gun fhios am bu chòir sìth a bhi ann. Esan na anmhuinneachd a’ labhairt ri anam a tha dol a mach air a thurus siorruidh; ri anam nach cluinn guth eile, gus an cluinn e guth an àrd Bhreitheamh da ghairm an dara cuid chum sonas, no da fhògradh gu dòruinn. Ach ged a tha’n dleasnas so ro chudthromach agus iomchuidh, is bitheanta a tha e tachairt gur ann an uair a thainig an oidhche anns nach urrainnear obair sam bith a dheanamh, a tha cothrom air a thoirt do mhinisteiribh an t-Soisgeil frithealadh orrasan a tha tarruing dlù do’n bhàs. Mar nach biodh e iomchuidh a h-uile triobluid a leasachadh chum maith an anama, cha ghabhar suim do easlainte sam bith, ach an t-aon a tha do réir coslais a chum bàis. Mar gun d’ thugadh uidheamachadh tràthail daoine ni s dlùithe do’n bhàs, tha daoin’ a’cur dàil ann am fad ’s a tha cuisle na beatha a’ bualadh. Mar gum biodh bàs do ghnà an cois ministeir, cha’n iarr iad gu leaba na h-easlainte e, gus an searg gu h-iomlan gach dòchas aimsireil. Agus cha’n e so a mhàin fàth ar gearain; ach tha’n amaideachd cheudna air a taisbeanadh anns an dearmad is bitheanta le daoin’ a dheanamh air fios a chur air [TD 81] léigh gus am bi e tuille ’s anamoch. Is iomad dearbhadh a fhuair sinn air so ’nar latha, agus is goirid gu dearbh o’n a fhuair sinn dearbhadh ro chianail air. O cheann beagan ùine bha mi a’tilleadh air m’ais o thigh aoraidh an Tighearna air feasgar là na Sàbaid, ’nuair thachair orm dithis dhaoine de mhuinntir na sgìreachd, a’ gabhail an rathaid.—C’arson, a deir mise, an déigh dhomh fàilt a chur orra, nach robh sibhse an diugh san t-searmoin mar bha daoin’ eile. Ma ta, ars’ iadsan, ge nach robh tha dòchas againn nach agair Dia sinn; ’Si obair na tròcair a bha sinn a’ deanamh. Bha sinne an diugh, a deir iadsan, a coimhead a Ghille bhochd ud sa bhaile so shuas a tha ann an triobluid. ’S ann de dh’oibribh na tròcair sin gu dearbh, ach is duilich leam a thoirt fainear, gu bheil cuid de dhaoine a’ gabhail os laimh a bhi ro iochdmhor air là na Sàbaid, anns nach’eil iochd no tròcair air là na seachduin. Ach cia mar tha’n Gille? Fhreagair iad gun robh ann an staid ro bhochd.—Gu dearbh, arsa fear dhiubh, cha robh fiughair aca gun sìneadh e gus a so; agus bha e co lag san àm san d’fhalbh sinne, ’s gun dubhairt athair nach bu mhiste leis sibh féin ga fhaicinn. Is duilich leam, arsa mise, mar tha e—ach is duilghe leam na sin, a dh’ aindeoin ni’s urrainn domh a ràdh na dheanamh, nach d’thoir sibhse fios tràthail, gu bheil ur càirdean ann an triobluid, no cothrom a thoirt do Mhinisteir frithealadh orra mar bu mhiann leis, agus mar bu chòir dha a dheanamh. Dhìrich mi suas, agus ràinig mi’n tigh san robh ’n triobluid—bha e lom-làn de dhaoine, agus an àite fionnfhuaireachd agus socair a thabhairt dha-san a bha fo iarguin, ’s ann a bha e air a mhort le aodach leapach, agus air a chur na bhreislich le gleadhraich agus le seanachas dhaoine. Sheas mi stigh greis m’am bu léur dhomh léus. Ma dheireadh spìonadh a mach sean aodach leis an robh ’n uinneag air a dùnadh, agus chunnaic mi ’n t-easlainteach—Mo thruaighe! bu chianail a chàradh. Labhair mi ris, ach bha e cheana gun eòlas gun aithne—bha fiamh a bhàis air a ghnùis, agus chunna mi gun robh a là seachad. Cha’n ’eil esan, ars’ a mhàthair ach lag, is cha nàr dhà. M’fheudail! ’s ann aige-san a bha’n gleachd cruaidh o thainig an là. Tha e coltach, (arsa sean bhean eile a bha turamanaich ri taobh na leapa,) gum fòghnadh cion a bhìdh fein dà gun tighinn air dòruinn. An saoil sibh, a deir ise, an do bhlais e sion saoghalta o cheann trì làithean—ach cinnteach gu leoir, bha sinn a’ toirt deur spioraid dha, agus ged a bhitheas sibhse agus na Doctairean na aghaidh, coma libh, thug e neartachadh mòr dhà-san. Bithidh mise na aghaidh, agus gach neach aig a’ bheil ciall no mothachadh. Sheachainn sibh a phuinnseanachadh, ach cha b’ urrainn duibh teachd ni’s dlùithe air. Cha’n’eil teagamh nach feudadh e bhith ni bu neartmhoire an déigh dha fhaotainn; ach c’arson? ach a chionn gun robh am barrachd fiabhruis a bha na lorg car tamuill ga neartachadh. Tha mi ’g innse dhuibh gur ceart co maith dhuibh a ràdh gur lughaid an lasair sin barrachd connaidh a chuir oirre, agus a ràdh gur lughaid am fiabhrus, leis a’bheil fhuil-san air ghoil, deur spioraid a thabhairt [TD 82] dà. Ach an do chuir sibh fios air an Doctair? Ma ta, ars’ an t-sean-bhean, chuir sinn an ceart uair fein gille air falbh air a thòir. Bithidh e na thoileachadh dhuinn fhein an Doctair ga fhaicinn, co dhiubh ni’s na nach dean e feum dhà-san. Is bochd an toileachadh sin, a bhean; ach c’arson nach do chuir sibh fios air ni bu luaithe? Cha ’n ’eil fhios, fhreagair i, nach bu chòir sin; ach tha na Doctairean a nis cosgail. Ge beag a chomhairle fein, cha d’thoir iad seachad a nasguidh i. Cha mhò a dh’ fheumadh iad, arsa mis, a thoirt. Is iomad cosgas a tha orra fein m’an d’ fhuair iad an t-ionnsachadh tha toirt comas doibh comhairl’ a thoirt. Is iomad cunnart anns a bheil iad ga’n cur fein, agus is iomad oidhche iomaguineach airtnealach a tha iad a’cur seachad. Is fior sin, arsa seann duine,—agus air son a chosgais dheth, cha ’n eagal nach rachadh againn air—ach a dh’ innse na firinn dhuibhse, cha d’fhairich sinn mòran déigh aige fein air Doctairean: agus air mo shon fhein deth, cha ’n fhaic mi ciod am mòran maith a tha iad a’deanamh. Mo thruaighe! a Lachlainn, cha ’n ann ris a Ghille bhochd bu chòir a chomhairl’ a chur. Cha robh déigh aige-san air Doctair, oir cha’n fhac’ e’fheum air; ach innis so dhomh, c’ar son nach ’eil Doctairean am bitheantas a’deanamh féum, ach a chionn nach cuir sibhse fios orra am feadh ’sa dh’ fheudadh iad féum a dheanamh; agus nach lean sibh an comhairle an déigh a faotainn. Tha e coltach, ars’ an t-sean bhean gun robh ùpraid gu leòir air-san o thainig an là, gu’n chùngaidh Doctair a thoirt dà. Bha iad mar sin, air m’ aodan ’sa los cuileagan Fràngach a chur ris—Ach cha chuir, cha chuir!—cha d’théid thus’ a cheist do’n ùir le craicionn briste. M’am b’urrainn domh amaideachd agus faoineachd nam briathra so a leigeadh ris, labhair seann duine a bha na sheasamh ’san éisdeachd. Nach’eil sinn, ars’ esan, a Mhinisteir, an earbsa, ri’r n-àrd léigh, agus ma tha slàint’ ann dà-san, nach ’eil Dia comasach air a toirt dà. Rainig sibhse, a deir mise, a dhuine an cùltaic; tha sinn gu leir an earbsa ri Dia; agus cliù d’a ainm tha e làthair air gach àm, agus anns gach àite. Tha Dia uile-chomasach, agus cho chomasach air a Ghille so aiseag a nis chum slàinte, ’sa bha e air do shùilibh-san fhosgladh air maduinn an là an diugh. Ach tha Dia ’na uile oibribh ag oibreachadh le meadhonaibh; agus am fad ’sa tha daoine a’deanamh suarachas air na meadhonaibh sin, tha e diorrasach agus dalma dhoibh a smuainteachadh gu’m foillsich Dia dhoibh a chumhachd air mhodh miorbhuileach. Thugaibh libh so, mu nithibh eile. Nam bitheadh tusa air an sgeir ud a muigh, agus an làn a’ dìreadh mu d’ mhuineal, cha deanadh tu tàir air còmhnadh o dhaoinibh a chionn’s gun robh thu’n earbsa ri Dia; agus ma bha e’n dàn duit gu’m feudadh e do thogail air tìr. Agus a chionn’s gu’m faod Dia’na chumhachd an Gille so aiseag gu slàinte, a’ bheil e iomchuidh tàir a dheanamh air gach meadhon a dheònaich Dia na mhaitheas chum na crìche sin. ’Nuair a bha sinn mar so a’seanachas, mhosgail esan a bha san triobluid o’n chodal bhruaidleanach anns an do thuit e; agus [TD 83] air a cheart àm sin chunnacas an Doctair a’tighinn. Dh’ innseadh so dhà-san. Doctair, ars’ esan, Ciod e m’fheums’air Doctair? Faighibh m’aodach, is bheir mi m’obair orm. Mo thruaighe! a deir mise, ’s ann mar so tha daoine san an-shocair spioradail, agus anns an an-shocair aimsireil. Neartmhor nam beachd fein ’nuair a tha iad anfhann agus lag; agus slàn fallain, ’nuair nach’eil slàinte no fallaineachd annta. Is fior gu dearbh a bhriathra-san a thuirt, Iadsan a tha slàn cha’n’eil feum ac’air léigh, ac acasan a tha tinn. Thainig a nis an Doctair, shuidh e sios ri taobh na leapa—ghlac e a chuisle—thug e sùil orm fein, agus thuig mi gun robh e gun dòchas. Tha e’n sin agaibh a nis, ars’ an t-sean bhean—nach fiach sibh a nis ciod a ghabhas deanamh. Bu chianail an fhreagairt. An toiseach na triobluid, le còmhnadh an Tighearna, ghabhadh mòran deanamh, ach a nis cha ghabh ni air bith deanamh. Ach ann an earbsa ri Dia, shleuchd sinn sinn fein sìos aig cathair nan gràs; chuir sinn suas an ùrnuigh dhùrachdach, agus tamall beag na dhéigh sin, bha ’n spàirn dheireannach seachad. Dh’ éirich a nis tuireadh a bhròin; cha b’ àm so gu cronachadh; agus bha mis’ a’ m’ thosd. Ach cha robh an coguisean fein nan tosd; leig a mhàthair i fein sinte ri taobh a chuirp, agus chluinnte i nis a’ cur iomchair orra fein, agus le ochanaich throm a ràdh, Nam bithinnse fheudail ’sa ghaoil, air cùram tràth a ghabhail, cha robh thus’ an so an diugh gun phlosg mar tha thu! Phill mi dhachaidh, a’cur romham taodhall a’ màireach gan amharc. O! nach robh daoine glic, gun tuigeadh iad so, agus gu ’m biodh iad air an dùsgadh gu obair an là a dheanamh, am feadh a bhios an là ann, m’an d’ thig an oidhche anns nach feud aon neach obair a dheanamh. AM MINISTEIR GAELACH. IAIN KNOX. An Dara h-earrann. Dh’ fhag sinn Iain Knox am braighdeanas ’s an Fhraing. Anns a bhliadhna 1549 fhuair e ma sgaoil, thainig e do Shasunn, agus m’a thàinig cha b’ann an cùil a chaidh e,—chunnacas bratach Chriosd aon uair eile a snàmh anns a ghaoith, agus chuir a deàrsadh ball-chrith air eaglais na Ròimhe. Thoisich Knox ri searmonachadh. agus lean e air ré cheithir bliadhna gun neach ann aig an robh de mhisnich grabadh a chur air, gus an tainig Banrigh Màiri chum a chrùin, nuair a dh’fhàs a gheur leanmhuinn a nis cho teith ’s gu’n deach e le comhairl’ a chàirdean gu Genebha. Bha ’gheur-leanmhuinn so co fuileach agus co fada ’s gu’n robh luchd a chreidimh ath-leasaicht’ a’ teicheadh do dh’ Albainn nan ceudaibh arson dìdein. Cho luath sa thainig so gu cluasaibh Knox chuir e roimhe pilleadh agus gun seasadh e ’dhùthaich agus aobhar a Dhe, no gu’n tuiteadh e mar shaighdear dìleas a’ còmhrag. Ràinig e Duneidin air ceud mhìos an fhoghair 1555—fhuair e’n comunn beag gan cùbadh fein—a’ gabhail fàth, cosmhuil ri Nicodemus, air an oidhche, eagal oilbheum a thoirt a’co-aontachadh on leth a mach le creidimh an t-sagairt. Ach cha robh Knox air a dheanamh de [TD 84] spiorad co gealtach; leig e fhaicinn doibh gum feumadh iad tur chùl a chur ri eaglais na Ròimhe—nach b’ urrainn comunn a bhi aig Criosd ri Belial. Bha ’shearmonachadh co cumhachdach ’s gu’n dubhairt sgoileir mòr de na Papanaich fein, “Nuair nach seas ar creidimh deuchainn duine, tha eagal orm nach seas e idir an làthair Dhe aig an là mhòr.” Mu’n àm so chuir na sagarta an cinn r’a cheile feuch ciod a dheanta: ’s e rinn iad ghairm iad cùirt mhòr agus chuir iad sumanadh gu Knox tighinn nan làthair. B’e Knox nach obadh ni laghail air bith, ràinig e Duneidin, ach ’nuair chunnaic iad a mhisneach agus a dhànachd leig iad leis; ghabh esan am fàth, agus b’ann gu searmonachadh a chreidimh ath-leasaicht’ a thug e do na ceudaibh agus na mìltibh a chruinnich o gach cearna de’n dùthaich, a chum a bhi nam fianuisean air a dheuchainn agus air a bhinn. Mar so, air êideadh le claidheamh mòr na firinn—le sgiath a chreidimh—uchd éididh firinnteachd Chriosd, agus clogad na slàinte, bha Knox, mar ghaisgeach mòr, a thogta ann an tìr nam beann, agus leis nach d’rugadh eagal, a’ cur cath a Dhe, agus a’spìonadh anamanna o bheul an t-sluichd gun aigeal, air feadh Albainn—Bha fhios aige co’n t-aobhar anns an robh e ’cogadh, agus gus am biodh ’obair criochnaichte nach robh cumhachd aig nàmhaid air. Mu’n àm so thainig fios air á Genebha dol g’an còmhnadh ann am briathraibh nach b’urrainn e ’dhiultadh,—dh’ fhalbh e, ach cha luaithe ’chuala na sagarta gu’n d’fhàg e’n dùthaich na chruinnich iad cùirt,—aig a chùirt so fhuair iad e toilltinneach air bàs; thug iad mar bu chubhaidh a bhinn a mach, agus o nach robh fear an diumb aca, loisg iad a dhealbh aig crois Dhuneidin! Cha b’ fhada bha Knox air falbh ’nuair dh’ionndraich Albainn a ceann feadhna! chuireadh fios as a dhéidh as leth Dhe e thighinn air ais!—Bha lasair na geur-leanmhuinn a’ fàs ni b’ àirde agus ni b’ àirde, agus bha deatach cnàmhan nan naomh a’dubhadh nan speur; A’ measg chàich loisgeadh gu bàs fear Walter Mill a bha aon uair na shagart, ach a thionndaidh fo shearmonachadh Knox. ’Nuair thugadh an seann naomh urramach so an làthair na cùirte rinn a choslas a leithid de dhrùghadh air a chomunn uile ’s nach robh breitheamh ann a ghabhadh os laimh a bhinn a thoirt a mach, ’na ròp ri fhaotainn ann am Baile Dhuneidin a cheangladh e ris na cuaillibh, ach seann ròp a ’thug an t-àrd easbuig dhoibh! Na dheigh so chrùinnich àrd chomhairle na Ròimhe chum feachd a chur gu ministirean a chreidimh ath-leasaichte a ghlacadh. Dìreach ’nuair bha iad cruinn chualas gu ’n d’thainig Knox—fhuair an sgeul an rathad a chum na coinneamh, agus ghlaodh fear do ’n chomunn “Tha Iain Knox air tighinn!” ’Nuair chual iad so bu mhall leo an casan, gach fear a siapadh a mach air an dorus a b’fhaigse! ’Nuair chuala Knox mar bha gach ni bha e air a chur thuige gu mòr, gu h-araidh mu losgadh an t-seann naoimh Walter Mill. Dhìrich e chrannag, agus ma dhìrich cha b’ann a ghuidhe le creidimh an t-sagairt. “Tha blàr suidhichte, tha mi faicinn,” ars’ esan, “eadar Dia agus Satan, tha na brataichean air an togail agus na trompaidean a’ séideadh a chum a chatha; biomaid dìleas d’ar ceann- [TD 85] ard—biomaid dìleas d’ar sliochd-biomaid dìleas d’ar n-anama fein! oir ge be neach air am faicear comharra an fhiadh-bheathaich theid a sgrios anns an leir-sgrios eagallaich leis an sgriosar Babilon so.” Ach coma, an déigh na searmoin thòisich aon de na sagarta ris an altair a chuibhrinneachadh a chum Aoirinn a dheanamh, thòisich balach beag a bha ’lathair ri labhairt na ’aghaidh,—thug an sagart pailleart dha m’an chluais,—thog am balach clach, agus, an àite an sagart amas, bhuail e iomhaidh a bh’air an altair! A thiota bha’n iorghuill air bonn—thionndaidh an coi’thional gu leir air taobh a bhalachain—thionndaidh iad an altair bun-os ceann, bhris iad na h-iomhaidhean agus shaltair iad na dealbha fuidh’n cosaibh! ’Nuair thainig so gu cluasaibh na Bannrigh ghabh i corruich agus chuir si i fein air ceann a feachd:—choinnich luchd a chreidimh ath-leasaicht’ i dlù do Pheirt agus Iarla Ghlencairn air an ceann, ach nuair chunnaic i cho dàna agus cho lionmhor ’s a bha iad bu bhuidhe leatha tighinn gu cùmhnanta sìth. Beagan na dhéigh so chaidh Knox maille r’a chinn fheadhna gu Baile Chill-ribhinn.* Nuair chual’ an t-àrd easbuig gu’n robh e ’dol a shearmonachadh chuir e fios thuige “gu’n robh saighdeara fuidhn’ armaibh a feitheamh air.” Chomhairlich cairdean Knox dha gun e ’dhol air aghaidh, ach cha d’aithnich iad cò bh’ aca—cha b’ ann le gealtachd a bha dùil aige a dhùthaich a shaoradh. “’Nach d’ innis mi dhuibh roimhe,’ ars’ sean, “gu bheil mo bheatha ann an lamhaibh Dhe?” air aghaidh ghabh e—shearmonaich e tri làithean, agus le ’leithid de chumhachd ’s gun do thionndaidh am baile, Báillidhnean agus gu leir leis, a’ glanadh ’sa cartadh a mach as gach eaglais gach iomhaidh ’s gach altair! Air an ath fhoghar chruinnich àrd-chomhairle na rioghachd, agus cho-aontaich iad creidimh an t-sagairt a chur air chùl; ’s ann ’san àm so chaidh an leabhar ainmeil sin Leabhar aidmheil a chreidimh, a chur a mach agus a cheadachadh le lagh na rìoghachd. Cha robh Knox gun làmh aige ann. Anns a bhliadhna 1561, thainig Bannrigh Màiri air tìr an Lìte. Chual’ i cho teith ’sa bha Knox an aghaidh creidimh an t-sagairt, agus chuir i fios air do’n Lùchairt ann an Dunéidin an dùil gu’n cuireadh i eagal air. Chitear o ’n chòmhradh a leanas ma chuir. Bann. Tha mi ’cluinntinn gu bheil thu séideadh suas na rioghachd gu ceannairc? Knox. Ma’s ceannairc an fhìrinn a shearmonachadh le treibh-dhireas cridhe,—ma ’s ceannairc iodhal-aoraidh a chur sios, agus an cunnart a nochdadh do’n t-sluagh, ’s eigin domh aideachadh gu bheil mi ciontach. Bann. Tha thu teagasg do ’n t-sluagh creidimh eadar dhealaicht’ o chreidimh an uachdrain saoghalta; cia mar is urrainn an creidimh so a bhi ceart agus Dia ag iarraidh a bhi ùmhal do uachdranaibh? Knox. Cha’n ann an toil uachd’rain saoghalta ’ta fior chreidimh a’ co-sheasamh, ach ann an toil De: cha’n’eil e air iarraidh oirnn a bhi ùmhal dhoibh ni ’s faide na tha iad a’ giùlan “claidheamh a cheartais,” ni’s mò na bha clann Israeil do righ Pharaoh, no Daniel do Nebuchadnesar * St. Andrews. [TD 86] Bann. Do reir choslais ’s tusa ’ta ris an rioghachd so ’riaghladh ’s cha mhise? Knox. Nar leigeadh Dia. ’Se tha mhiann ormsa gu’m biodh uachdrain agus pobull fuidh riaghladh Dhe; gu’m biodh righrean nan oideachan-altruim agus Bannrighrean nam Muimeacha-altruim do’n eaglais, mar tha Dia ’g iarraidh. Bann. Ma dh’altramas mise eaglais, Cha’n i t-eaglais-sa, seasaidh mi eaglais na Ròimhe, oir ’se a reir mo bheachdsa fior eaglais Dhe. Knox. Cha riasan ’ur toilsa ‘Bhannrigh, agus cha dean ’ur beachd an striopach Romanach na céilidh airidh air Criosd, cha’n e ’mhain, ach gabhaidh mi os laimh a dhearbhadh nach robh eadhon an eaglais Iughach a chéus ar Slanui’ear co breun agus co truaillidh rithe! Leis a so dh’fhàg e i. Anns an dol a mach thuirt pàpanach a bha’s an làthair “Cha ’n’eil eagal air idir?” “C’arson,” arsa Knox, ’s e tionndadh air a shàil, “C’arson a chuireadh aghaidh mhàlta mnà uasail eagal air neach? ’S iomadh aghaidh fir, agus corruich air, air an d’amhairc mi gun fhiamh.” O! Knox! tha cuid is fearr dhiot fathast ri tighinn mar a chluinneas an saoghal ma’s fada beo. MACTALLA. Eilean Chola, 1830. CÒMHRADH NAN CNOC. Pàra mòr a dlùthachadh ri doras na ceàrdach, le maileid air a dhruim. Am Maighstir-sgoile, Fionnladh Pìobaire agus an Gobhainn, a’ gàireachdaich san dorus. Pàra. Gun neartaich am Freasdal ur n-aobhar-ghàire, m’as mis e, a dhaoin’ uaisle. Ciod so a dhùisg ur cridhealas? Fionn. Tha sachd ort a Phàruig—an iad cearcan fraoich no coilich dhubha a tha thu’n diugh a’ giùlan an déigh nan Sasunnach? Pàra. Tog do d’ sgeig Fhionnlaidh. Ciod air bith a tha sa mhàileid, nam biodh i ortsa ’si Pìobaireachd bu lugha bhiodh air t-aire. Ach cuiridh mi mo sgìos anns a cheardaich ged a rachadh na Sasunnaich chaol air bàinidh. An do mhothaich sibh iad a’gabhail an rathaid. Fionn. Chunnaic sinn dithis chaola chruaidh a’ dol seachad, ad gheal chonlaich air fear dhiubh co leathann ri guit, stiall de ribein fad uaine aisde, agus òrd beag ladhrach na laimh. Pàra. Ord an rosaid; is eòlach air mi; is oil leam nach robh tri òirlich dheth far nach abair mi; is mis a dhiùbhail air a cheart òrd ladhrach sin. Maigh. Ach, da rìreadh ciod a th’agad sa mhàileid? Pàra. Ma ta, Ge nàr ri innse, a leithid de uallaich a bhi air dronnaig Criosduidh air bith, tha sachd chlach— Maigh. Ciod an seorsa chlach a th’ann? Pàra. Chuir thu ceist orm. Cha deach sinn seachad air creig eadar so agus Sron-an-t-shìthein as nach d’ thug fear an ùird bhig spealg; agus an déigh dha amharc orra tre ghloine bhig chruinn, chuireadh e ’n sin ri shròin iad, agus cha ’n fhòghnadh sin leis gun a theang’ a chuir orra; bheireadh e’n sin gloine bheag a mach, agus an dèigh dha boinne spiorad làidir a dhòrtadh oirre thilgeadh e uaith iad, no sparradh e sa mhàileid iad [TD 87] mar bhuaileadh e na cheann. Is mòr m’ eagal gu bheil an dearg chuthach air an òganach bhochd—ged is laghach e— Fionn. Cha bu tu fein mòran a b’fhearr ’nuair a leig thu leithid de eallaich ort; ach ciod e nach dean daoin’ air son an airgid. Pàra. Cuist Fhionnlaidh mhìn, chunnaic mi do phluicean fein an impis sgàineadh air son duais is lugha. Maigh. C’àit an do chruinnich sibh na clachan? Pàra. Cha ’n ’eil amar aibhne, no sgrìodan, no sgàirneach, no càrn nach rannsaich fear an ùird; agus marbhaisg air fear Dhun-fhad, ’s e thug dhuinn an cnap is mugha th’air mo ghiùlan a Torr an Fhomhair. Gun teagamh tha ’n cuthach air fear an ùird’, ach do rireadh ’s glan e air a shon sin. Maigh. Bha coslach duine chiallach maille ris, fear an aodainn dheirg. Tha mi deanamh dheth gur Domhnullach a bh’ann, bha bad fraoich ’na bhoineid. Pàra. Fraoch! Cha’n’eil seorsa fraoich no raineach, no seileisteir, no lus a thig a mach a’ talamh nach ’eil aig an fhear ud na shac. Tha’m fear ud mu na lusan, mar tha fear an ùird mu na clachan. Cha’n’eil fios cò is glice dhiubh; an saoil thu’n teid am fear beag sin seachad air seilcheig no dearc-luachrach, no losgann, no am meanbh-chreutair is tàire, gun an togail, agus a ghloine bheag a chur riu. An saoil thu nach d’ rinn e fionna builg, an là roimhe, air nathair, agus nach ’eil craicionn na béisde aige na leabhar co cùramach ’s ge bu litir o leannan a bhiodh ann. Fionn. Coma sin a Phàruig, cha’n’eil teagamh nach robh pailteas de bhiadh agus de dheoch agaibh sa mhonadh, agus chumadh sin thusa ceart. Pàra. Mar ith iad ach mar chunnaic mis iad a’ deanamh, cha ’n ìoghnadh leam ge nach bi mòran feòl’ orra. Cha robh greim bìdh nan cuideachd a b’ aithrigh air an ainm; ach leòban beaga tana de chruithneachd, agus sliseag fheola eatorra co tana ri paipeir; agus an t-ìm, (mu ’se ìm a bh’ann) mar gu’m biodh glaodh ann gan cumail ri chéile. Chunnaic mi là a dh’ ithinn làn cumain diubh. Cha’n’eil cuimhn’ agam c’ ainm a bh’ orra, ach thus’, Fhionnlaidh tha co tric an cuideachda dhaoin’ uaisle, cha’n ’eil teagamh agam nach aithne dhuit an ainm. Fionn. An e Sanndaich* a bha ac’ orra? Pàra. Tha thu ceart; ge nach iad a shanndaichinn agus an t-ocras orm; ach coma, bha na fleasgaich laghach, (amaideach ’s mar tha iad,) gle shuairce mu na leòban beag’ an fheadh’s a mhair iad. Maigh. Coma cò dhiubh a Phàruig, amaideach ’s mar bha iad, theagamh gu’m bu chlann righrean a bh’annta. Bha mi ’g innse dh’ Fhionnladh an so m’ an d thainig thu, m’an Fhràngach ghlas liotach a bha’n so an uraidh; agus a ghabh bàigh co mòr air Fionnladh air son a phìobaireachd: gu bheil athair a nis na righ air an Fhraing, agus gur e fein oighre a chrùin. Pàra. Fheudail, a dh’ fhearaibh an e so an Diùchd Airtearach, na c’ainm so eile bh’air? Maigh. Tha Diùchd Charteris, mac do Dhiùchd Orleans, a tha nis an ionad an righ. Pàra. Cia mar thainig so m’an * Sandwich [TD 88] cuairt? Nach stad thu Eobhainn Ghobha, le d’ bhuilg agus le d’ ùird, gus an innis am Maighstir sgoile a naigheachd. Nach bochd nach biodh àite suidhe agad sa cheardaich so, air am feudadh daoine suidhe, ach gàd cruaidh aimh-leathain iarruinn is gann a b’ urrainn do chirc seasamh air. ’So fhir mo chridhe, innis duinn ciod a thachair o chionn ghoirid san Fhraing. Maigh. Ni mi sin, ach feumaidh mi dol treis air m’ais ann an eachdruidh na dùthcha sin. Pàra. Ruig Noah, ma thogras tu. Maigh. Tha cuimhn’ agad gu bheil a nis seachd bliadhna deug thar fhichead, o chuir muinntir na Fràinge an righ aca gu bàs, agus an d’fhògradh a theaghlach a nall do dh’ Albuinn, far an d’ fhuair iad aoigheachd ann an Dun-eudain air chostas na Dùthcha so. An déigh mòran de mhort agus de mharbhadh nam measg fein, fhuair an saighdear ainmeil sin, Bonaparte lamh an uachdar, agus chuir e’n Fhràing fo an-tighearnas dha fein. Pàra. An Gille! ’se a fhuair a chroit. Maigh. Coma sin, cha robh e toilichte leatha. Bha a shannt neo-chriochnach; dhùisg so corruich na h-Eorpa na aghaidh, agus an déigh aibhnichean fola bhi air an dòrtadh chuireadh fa dheireadh as a ghreim e, agus dh’ fhògradh do Eilean Elba e. Ghairmeadh an sin an seann teaghlach rioghail air an ais; an déigh dhoibh bhi bliadhn’ air fhichead nam fògraichean san Dùthaich so. Ach cha b’fhad a mheal iad an t-àrdachadh; fhuair Gille nan car a mach à Elba; thug e’n Fhràing air; dh’ éirich an t-arm leis; agus ghrad thilg e an righ as a dhìollaid, m’an robh e fad an seilbh. Bha’n tuasaid a rìs air bonn. Chruinnich maithean na h-Eòrp am feachd r’a chéile, agus thugadh blàr iomraideach Waterloo, a thilg Bonaparte bun os ceann, a chuir air an fhògradh dheireannach e do Eilean St. Helena, as nach do phill e; agus chuireadh an seann righ a rìs suas. Pàra. Nach ann ac’ a bha ’m falach fead air a chéile’ mach ’sa stigh, ’sa stigh ’sa mach. Ciod a nis a chuir ceann gun bhuaidh an treas uair air fògradh? Maigh. Amaideachd, agus droch comhairle. Pàra. ’S minic a chaidh iad an caramh a chéile; ach cluinneamaid mar dh’éirich dha. Maigh. An uair a ghairmeadh an righ a stigh fa dheireadh, chaidh bann-cordaidh a dheanamh eadar e fein agus a rioghachd; leis an robh e air a shocrachadh eatorra gu’n robh àrd-chomhairle ri bhi aca san Fhraing, mar tha againn san rioghachd so. Anns a chùmhnant so bha e air a shocrachadh gu’n robh saor chomas aig an t-sluagh an luchd-comhairleachaidh fein a thaghadh; daoin’ as an robh iad earbsach, agus a shocraicheadh o àm gu h-àm a chìs a bha ri bhi air a togail. Thuit e mach nach robh roghainn na Dùthcha taitneach do’n righ, agus d’a chùirteirean. Chuir e dhachaidh iad, agus dh’ iarr e iad a dheanamh roghainn de mhuinntir eile. Ma bha a cheud bhuidheann neo-thaitneach, chual e gun robh an ath-roghainn na b’ fhaid’ air taobh nan daoine, agus uime sin cha do cheadaich e dhoibh cruinneachadh idir; agus air eagal gu’m brosnaicheadh paipeirean naigheachd, agus leabhraichean eile an sluagh gu ceannairc, chuir [TD 89] e cosg air clò-bhualadh; agus dh’ àithn e nach rachadh leabhar a chur a mach ach iadsan a rachadh a rannsachadh leis fein agus le ’chùirteiribh. Dhùisg so corruich na rioghachd, agus dh’ éirich iad mar aon duine na aghaidh, agus b’ éiginn do righ Tearlach X. teicheadh. Pàra. C’ainm so a thuirt sibh a bh’air? Maigh. Tha Tearlach. Pàra. Tubaist air ainm gun bhuaidh. Nach mi-shealbhar an t-ainm sin do righribh. Nach e Tearlach a bha air an righ a chaidh a dhì-cheannadh an Sasunn; agus tha fhios againn gur e Tearlach a bha air an fhògarach bhochd a bha ’nar measg fein. Fionn. Air t-athais a Phàruig; théid neart thar ceart, agus is ann mar sin a dh’ éirich do Phrionnsa mo ghaoil, agus thainig an dà là air an dùthaich ’nuair a bhiodh a chridh’ agadsa fògarach bochd a ràdh ris. Pàra. Tha mi ’g iarraidh maitheanais, fhir mo chridhe; nach do chaill m’athair fein a cheann ’na aobhar; ach cluinneamaid crioch a ghnothaich m’an Fhràing. Ciod an seorsa righ a thug iad a stigh a nis? Maigh. Tha duine tuigseach, tapaidh, agus saighdear foghainteach. Bha esan mar an ceudna car tamuill na fhògarach san dùthaich so; ach chum se e fein suas le sgoil fhosgladh anns an do theagaisg e òigridh. agus anns an d’thug e mòr thoileachadh dhoibhsan a chuir an clann fo a chùram. Pàra. Nach ann air a thainig an dà latha. Ach cha ’n ’eil fios agam an gabhadh e gu maith a chur na chuimhne gun robh e na Mhaighstir sgoile. Maigh. An àite sin ’s ann a tha e deanamh uaill as; agus mar chomharadh air sin tha a dhealbh aige air a tharruing, le ’sgoileirean m’an cuairt da, anns a cheart deise bha air san àm. Pàra. ’S maith an comharadh sin air-san, ach innis so dhomh, c’ àit an d’thug Tearlach a theich, a cheann fodha? Maigh. Cha’n’eil mi ro chinnteach, tha cuid ag ràdh gun deachaidh e dh’ America. Pàra. Ma ta, cha’n’eil teagamh agam, chi mi gach aon a chailleas croit no baile, a ghoideas mult no bhuaileas Gàidseir gun d’thoir iad America orra, agus c’arson nach rachadh esan ann cuideachd o’n a chaill e ghreim? A’bheil teaghlach aige? Maigh. Tha, mac agus oghachan. Pàra. Air m’ fhocalsa cha’n’eil an obair seachad fathast. Gleus do phìob Fhionnlaidh, agus bi nunn; is feuch an dùisg thu as a leth, na Gaedheil Fhrangach ar an robh an Teachdaire a’ labhairt san àireamh fa dheireadh. Bi nunn agus tog fàilt a Phrionns’ òig, ged a tha eagal ormsa gur e ’m port a b’ fhearr a fhreagradh dhoibh, Cha till mi tuilleadh. Ach innsibh so dhomh, c’ àit’ a’ bheil Boni òg? M’as mac mar an t-athair e, bithidh a làmh sa chaonnaig; ach is suarach sin mar d’théid sinn fein san eadraiginn. Tha na seoladairean tuasaideach, agus o’s ann diubh a tha ’m fear a tha’n tràs air an sdiùir, ’s mòr m’ eagal nach cumar casg air. Maigh. Na biodh cùram ort, tha e fein glic, agus tha comhairlichean maith aige. Cha do chuir Breatunn sgios a chogaidh fa dheireadh fhathast as a cnamhaibh; agus tha fhios aice gu bheil còir aig gach rioghachd air a h-uachdaran féin a thaghadh, agus air [TD 90] a laghanna féin a dheanamh. Agus a nis fheara, nach cealgach an saoghal so féin, ’so an ceathramh uair a bha cheart duine so na fhògarach. O cheann mhìos cò a b’àirde na e thairis air aon de na rioghachdaibh is cumhachdaich air thalamh, a’cur a mach a chabhluichean a smachdachadh rioghachdan eile; bratach gheal a theaghlaich a’ snàmh air na mìlltibh turaid; agus dà cheud mìle saighdear fo mhionnan a bhi dìleas da. Tha ’n duine ceudna an diugh gun mhùr gun rioghachd, gun chùirteir gun daoine. A bhratach air a tasgaidh—agus bratach nan tri dathan a’ mireadh sa ghaoith- Pàra. Sin agadsa sin; am fear nach amhairc roimhe amhaircidh e na dhéigh. Thig a nall Fhionnlaidh, agus tog orm an sachd chlach so. Slan leis a Mhaighstir sgoile; tha mi fada a’ d’ chomain; agus air do shons’ Eoghainn Ghobha, séid do bhuilg, agus buail t-iarunn gus am bi thu sgìth. Leanaidh mise na Sasunnaich. T. O. Dàn o Anacreon, am Bàrd Gréugach, [Tha e glè shoilleir, o’n dàn so, gu’m b’aithne do na bàird Ghreugach a Ghaèlic gu math; agus gu’m b’àbhaist doibh a bhi a’tarruing a maoine do’n cainnt féin, ’nuair a fhreagradh e iad. Bheir an léughadair Gaelach an aire nach do ghléidh Anacreon fonn ceart an dàin so anns an eadar-theangachadh a rinn e féin air, ach gu’n do chaill e anns gach dara sreath pong de’n cheòl a fhreagairt do’n tomhas àraidh a thogair e a chleachdadh ’na chainnt féin. Ach gheibhear am fonn agus an tomhas ceart fathast am measg nan Gael Albannach ann an òran do’n ainm ’S trom ’s trom a ta mi, Gur trom a dh’ fhàg an t-earrach mi &c.] Air Fionn gu’n togainn fonn, ’us Air Diarmad donn bu toil’ leam seinn, Ach fonn cha seinn mo chlàrsach, Ach dàn air gràdh nan Caileagan, Gu’n ghléus mi’n tùs gach téud d’i, ’S a chruit gu léir gu’n chairich mi; Ach dh’aindeoin gach nì b’àill leam, ’S e’n gràdh amhàin a chanadh i. Gu’n d’ fheuch mi ’m fonn a stiùradh Air Fiùrain nan Each Geala; ach An àite seinn mu’n laochraidh, ’S e’n gaol a bh’air a h-aire-se. A laochraidh, slàn gu bràth leibh! Cha’n fhaigh mi dàn a ghearradh oirbh, Cha dean mo chlàrsach stàth dhomh, Ach seinn air gràdh nan caileagan A. B. R. MORTA DHUNÀBHAIRTI. Tha làrach an Daingnich so air creig àird, ceann mu dheas Chinn-tìre, an Earraghael. Tha e air a chuairteachadh a chuid is mò dheth leis a chuan Eireannach. Tha chreag air a’bheil an Dùn, anabarrach cas, agus doirbh r’a dhìreadh. Air taobh na tìre bha callaid laidir ma thimchioll, agus balladh air cùl balladh, air chor’s gun robh e air a mheas, na linn fein, m’an robh gunnachan mòr ann, na àite nach gabhadh glacadh. Bhuineadh an Daingneachadh so do Mhac Dhomhnuill righ nan Eilean; agus tha eachdruidh ag innse dhuinn gun do ghabh Righ Raibeart am Bruce fasgadh san ionad thearuinte so m’an deach e thairis do dh’ Eirinn, tamull m’an [TD 91] do chuir e Blàr iomraiteach Bhanockburn. Anns an eachdruidh a thug sinn air Alastair Mac Cholla san àireamh fa dheireadh, dh’ innis sinn mar dh’ fhàg e earrann d’a dhaoine ann an Dunàbhairti air a shlighe do Eirinn, an déigh dha bhi cogadh le Montros as leth a cheud Thearlaich. Bha Mac-Dhughaill Ladharna agus a dhaoine leis, mar an ceudna Gilleaspuig mòr Mac Dhomhnuill, tighearna nam Peighinnean, agus àireamh d’a chinneadh. Dh’ fhàg Alastair Mac Cholla iad so a dhìon an dùin, an aghaidh a Chinn-fheachd Leslie agus Iarla Earraghael, a thainig a nuas le feachd lionmhor, chum cur as dà san agus gach neach a dh’ éirich san dùthaich sin maille ris, as leth an righ. Dh’fhàg Alastair iad an so, agus chaidh e fein do dh’Ile, agus as a sin do dh’ Eirinn, agus ghabh Gilleaspuig mòr ceannas an Dùin, agus an airm a bh’ ann. Dhlùthaich Leslie agus am feachd lionmhor a bha leis air an Dùn, chuartaich iad an dòrlinn air a bheil e, ach cha robh chridh’ aca ionnsuidh a thoirt air an Daighneach, ged a bha deichnear aca m’an aon a bha san Dùn. Cha ’n ’eil teagamh nach fartlaicheadh orra a ghlacadh mar bhith gun d’fhuair Leslie a mach an t-àit as an robh iad a’ faotainn an uisge, ni a ghlac e an déigh total garbh a thoirt, anns an do chaill e féin cuid d’a dhaoine, agus Fear-Sgipnis, Màidseir nan Caimbeulach. Rinn Leslie priosanuich de dha fhichead fear, a chuir e gu maslach gu grad bhàs. Air a claoidh le cion uisge, b’ éiginn do Ghilleaspuig mòr agus d’a dhaoine strìochda, agus teachd fo mheachainn Leslie. Cha d’ thugadh an ceannard fuileachdach so cumha sam bith dhoibh, agus o nach robh ach am bàs le pathadh fa’n comhair, smuainich iad gun d’thigeadh iad ’na mhéinn. Thainig iad a mach, agus liuthair iad an cuid armachd; ach cha luaithe rinn iad sin, na chaidh air gach fear ceangal nan trì chaol. Rè da latha bha Leslie agus Mac Chailean san ioma-chomhairle ciod a dheanadh iad riu; thachair do dh’fhear a bhi nan cuideachd anus nach robh ach beag iochd, Mr. Iain Nave, béist Mhinisteir, a rinn na dh’ fheud e gu Leslie a bhrosnachadh chum na daoine sin a chur gu bàs: cha ’n e mhàin sin, ach ghnàthaich e na ceart bhriathran a labhradh ri Saul mu sgrios na Amalecach, mar chithear 1 Sam. xv. 3. agus bhagair e nan caomhnadh e a h-aon diubh gun d’ thigeadh am malluchd sin air-san a thainig air Saul, a thoradh eas-ùmhlachd. Ciod a th’againn air, ach gun d’ rinneadh am mort agus a bheubaineachd bu ghràineil air an cualas riamh iomradh air na daoinibh foghainteach sin; agus cha do chaomhnadh mac màthar de na bha san Dùn, ach aon fhleasgach òg, Mac Dhùghaill Ladharna. Ach anns an iomairt so thuit rogha a chuid daoine. Mhortadh mar an ceudna Gilleaspuig mòr agus Gilleaspuig òg a mhac, dà churaidh co treun ’s a bha de’n chinneadh. Ann an uaimh a bha fo’n Dùn dh’ fholaich còrr agus ceithir fichead fear iad fein, chuireadh smùdan ri beul na h-uaimhe, agus b’ éiginn doibh tighinn a mach. Fhuair iad so am beatha, ach cha d’fhuair iad an saorsainn, thugadh thairis mar chiomaich iad do a h-aon de na Caimbeulaich a chuir as an rioghachd iad nan saighdearan do’n Fhraing. Bha leanabh mic aig Gilleas- [TD 92] puig òg, agus chum a choimhead o lamhaibh Mhic Chailean, leis am bu mhiann cur gu buileach as d’a theaghlach, thug se e fein agus Nic Iain Bhrìde a bhanaltrum leis do’n Dùn. An àm a chasgraidh mhuladaich a bhi dol air aghaidh, ghabh is’ an cothrom air teicheadh air falbh gu uaimh a bha dlù do Mhaoil Chinn-tire, agus mar so thearuinn i oighre an teaghlaich mheasail sin, a chinn na dhèigh sin gu bhi na dhuine urramach. Phòs e piuthar do cheud Iarla Bhòid, agus le càirdeas an teaghlaich so, agus gun robh teaghlach Mhic Chailean san àm so fo’n choillidh iad fein, fhuair esan còraichean ùr air a chuid fearuinn, agus buinidh Eilean *Abhan air an àm so do dh’ oighre dligheach a cheart duine so— Mar so thug sinn cunntas air àr Dhunàbhairti. Thachair e toiseach an Earraich 1647. Tha cnàmhan nan daoine sin a Mhortadh ri fhaicinn gus an là an diugh, agus aileadh nam buillean coimheach a chur as doibh. Chaidh an Dùn a thilgeadh sios, agus ’s gann a dh’ fhàgadh clach dheth air muin cloich eile. Na dhéigh so chaidh Leslie, Mac Chailean agus am feachd thairis do dh’ Ile, agus as a sin do Mhuile. Feuchaidh sinn ri eachdruidh an turuis sin a thoirt san ath-Theachdaire. T. O. EOGHANN A CHINN BHIG. Thachair dhomh o cheann ùine ghoirid a bhi ann an I Chalum Chille, agus mar bha mi a’siubhal feadh nan leachdan lighe san Eilein ainmeil sin, thainig mi a dh’ ionnsuidh a h-aon air an robh dealbh gaisgich air a tharruing, le chlògaid agus le lùirich, a’ marcachd air steud each meamnach, agus thuig mi le gearradh airm, gam bu Mhac Illeain a bh’ ann. Cò, a deir mise, ri Lachlann sgoileir, a tha fo’n lichd so? Nach fad, deir esan, o chuala sibh mu Eoghann a chinn bhig, agus m’as àill libh innsidh mise dhuibh eachdruidh, ge nach mionnaich mi gu bheil e uile fior, a dh’aindeoin an làn chreideis a tha mòran de ’n chinneadh againn a’ toirt da. Fìrinneach na amaideach mar tha e, leig dhuinn a chluinntinn. O cheann tri cheud bliadhna thachair gun robh co’-strigh dhian eadar Mac Illeain Lochabuidhe, d’ am bu fhri-ainm Eoghann a chinn bhig, agus Ceann-teaghlaich eile a bha ann am Muile. O’n a dh’ fhartlaich orra an gnothach a shocrachadh air dòigh eile, smuaintich iad gu’n leigeadh iad a chùis gu ràidh a chlaidheimh, agus dh’ ainmicheadh àm agus àite san robh iad ris a bhlàr a chur. Chaidh Lochabuidhe, do réir nòs amaideach nan linnte dorcha sin, a chur a chomhairle ri seana Chaillich a bha ’san Dùthaich, a bha air e meas mar bhan-bhuitsich, agus a thug air daoine dall a chreidsinn gun robh fiosachd aice. An déigh dha an duais ghnàthaicht a thoirt dhi, dh’fheoraich e dhi am faigheadh e buaidh sa bhlàr. Ma thachras, ars’ ise, gan d’thoir a bhan-tighearna lòn maidne dhuit fein agus do d’ dhaoine gun iarruidh air maduinn a bhlàir, gheibh thu buaidh, ach mar faigh sibh ar lòn maidne gun iarruidh, bithidh tubaist sa chùis. Bha so na fiosachd mhuladaich do Lochabuidhe, oir ged a b’e fein ceann-uidhe na féile, cha bu * Sanda. [TD 93] bhan-bhiataich fhialuidh a bha pòsda ris, ach cridhe na circ’ an gob na h-airce. Cha robh comas air.—Thainig an là—dh’ éirich a ghrian, agus bha aoinidh Chàrsaig air a h-òradh le a gathaibh àigh. Bha na fir threuna le a gathaibh àigh. Bha na fir threuna nan lan uidheam ’sa Mhaigh. Bha bratach nam buadh a’ mire ’sa ghaoith. Bha nuallan na pìoba a’ sgaoileadh mu bhruachaibh na beinne-buidhe. Chuir Eoghann treun suas a lùireach agus a chlogaid. Thugadh amach claidheamh a chinn-Ilich agus bha steud each meamnach odhar na beinne, a’ feitheamh air, aig Gille-cum-sréine, agus a ghiala fo chobbar bàn a’ togradh gu còmhrag. Bha’n t-àm bhi triall, ach cha robh comas air, b’ éiginn iarruidh. Chuir GORTAG, an droch Chorra dhubh, (oir b’e so an t-ainm a bha aig a chinneadh oirre,) measraichean de ghruth, agus meadraichean mìg fa chomhair nan daoine. C’àit’, ars’ Eoghann, a’ bheil na spàinean? Deanadh, a deir ise, gach fear cleas na circe, gabhadh e a ghob. Cha do bhrist Eoghann air a thrasg, bha e spaisdeireachd gu gruamach air an fhaiche. Thainig fâisneachd na Cailliche na chuimhne. Thog na fir orra, agus choinnich iad an nàmhuid. Mar thoirm fhoghair o dhà bheinn, Gu chéile tharruing na Suinn. Chaill Eoghann an latha, thuit e fo chreuchda trom, ach tha ainm san dàn. Ge do chaochail Eoghann a chinn bhig, cha d’ fhuair a spiorad fois, oir thuit e na thrasg. Bha bhuil so; oir gus an là an diugh, tha thaibhse ri fhaicinn a’ marcachd a cheart eich mheamnaich uidhir air an robh e sa bhlàr dhéireannach. Is eòlach cuid de mhuinntir Mhuil’air, (ma dh’fheudar an creidsinn) tha chumadh ’s a dhreach ann an iomad dàn. Is iomadh oidhche dhorcha, agus gleann fàsail, anns an cluinnear srann an eich aigeannaich uidhir so, agus fuaim gliongarsaich a shréine. Tha e caoin-shuarach mu rathad mòr an righ, ’s taitniche leis aisrith nam fiadh. Dìridh e an aoinidh is corraiche, agus na làn shiubhal tearnuidh e an leachdunn is caise. Chithear e air uairibh ag inealtradh air stacan nan creag far nach earbadh a ghabhar i fein. Tha e gu tric air fhaicinn leis a mharaiche, a’ marcachd nan sìon, agus na sheasamh air a chor-bide air a bhinnein is àirde. Tha am marcaiche truagh so a giùlan a cheart chleoc’ uain’ a bha uime sa cho’-strigh, agus ged a tha nis os ceann tri cheud bliadhna o’n a thuit e, tha e fein agus a steud each odhar co dian, shiubhlach, thapaidh ’s a bha iad riamh. Do réir an ròisgeil so, ’se dreuchd Eoghainn a bhi làthair anns gach àite ’s a bheil aon de theaghlach Lochabuidh ann an téinn; agus a’ saoithreachadh anns an obair so, cha dean muir no monadh, no cur no cathadh, a bhacadh. Bha e air ais agus air adhart do dh’ Eirinn ma’n cualas riamh iomradh air soitheach na smùide; bu shiùbhlach e air barr-bhalladh Bhurgos san Spàinn, an oidhch’ a chuireadh am freiceadan dubh a ghlacadh an àite sin, agus Murchadh òg Lochabuidhe ’s a dhaoine san iomairt. Is iomad òganach gleust’ a thog e leis air an each odhar, troimh gharbhlaichean fiadhaich; thug e an oidheirp fa dheireadh de’n t-seòrsa so, o cheann da bhliadhna dheug air ceatharnach treun gramail a choinnich e ann an Gleann-forsa. Ghlac Eoghann a chinn [TD 94] bhig air laimh e, agus dh’ fheuch e a thogail leis a dheòin no dh’ aindeoin. Stailc an Leathanach tapaidh a chas ri craig, agus ghlac e craobh sheilich fo’n achlais eile. Thug Eoghann iomad tulga tréun, ach cha deachaidh leis. Spìon an Ceatharnach gu làr e, ach ma spion, bha chraobh air a sniomh mar ghad leis an spàirn. Theich an t-each odhar, agus dh’ fhalbh Eoghann air a thòir. An sealladh ma dheireadh a fhuair an Ceatharnach dheth, bha e eadar e is fàir’ air mullach Beinn-t-seala, bha greim aig air an t-sréin, ach thainig baideil cheò thairis air mullach na Beinne ’s cha’n fhacas an t-ath-shealladh dheth. ’So mar dh’ innse dhuinn an sgeul. O cheann bheagan bhliadhnaichean cha dùraigeamaid a h-aithris, air eagal gu’m biodh neach sam bith co faoin ’sa chreidsinn; ach a nis tha daoine ni’s fiosraiche, agus smuaintich sinn a chur sios; a leige ris saobh-chràbhadh agus amaideachd nan linntean a dh’fhalbh. T. O. SENACHERIB. 2 Righ xix. 35. Chròm Senacherib mar reub-chù air crò, Bha armailt a dealradh le airgiod ’us òr, Bha boisgeadh a lannaibh, mar reultaibh ’sa chuan, Feadh oidhch’ air a luasgadh le gaoith thig bho thuath. Mar dhuilleach na coille, ’s an Samhradh na ghloir, Bu lionmhor a threun laoich, ’n’am na gréine ’dhol fòdh’; Mar dhuilleach na coille, ’s an Fhogharadh reòtht, Bha ghaisgich ’sa mhaduinn, sgapt,’—seargta, gun treòir. Sgaoil Aingeal a bhàis, a sgiath air a ghaoith, ’Us sheid i le h’anail air aghaidh na ’n daoi; Air suaimhneas an tàmha, thuit pràmh-chadal fuar, Aon phlosg, thug gach cridhe—cha do phlosg ach aon uair. Le chuinneinean farsuing luidh an t-each air an fhraoch, Ach treompa cha d’ tharruinng e sitrich’ a chaoidh; Bha cop geal a phlosgaidh, gu fuar air an fhonn, Mar chobhar na mara, air sgeir nan garbh thonn. Bha ’marcach na shìneadh, ’s bu dhìblidh a shnuadh, A mheirg air a chlogad, ’san dealt air a ghruaidh; Gach bratach na h’aonar,—gach paillinn mar uaigh, Gach sleagh gun a togail,—gach gall-tromp gun fhuaim. [TD 95] Tha Banntraichean Ashuir, fo ànradh ’s fo thùrs’; ’Us iodhalan Bhail, ’s gach àite nan smùr; ’Us spionnadh a Chinnich, nach do mhilleadh ’s an àr, Leagh iad, O Thighearn’! mar shneachd ann ad’ làith’r Ead. leis an EILEANACH. Mu’n Chomunn a tha’n Glaschu, chum leas spioradail ar luchd-dùthcha ann an America mu thuath, chur air aghaidh. Tha mòr shòlas oirnn ri chluinntinn gu bheil a chùis a’ soirbheachadh leis a Chomunn so, os ceann na bha dûil aca fein ris ’nuair a thòisich iad. Tha sinn a’ mothachadh le mòr thoileachadh gu ’n d’ rainig ar fear-dùthcha, Mr D. MacIachain, am Ministeir Gaelach, a chuireadh do Mherigomish, agus gu’n d’ fhàilticheadh e le mòr chaoimhneas. ’Se ar n-ùrnuigh gun soirbhicheadh Dia leis. Tha triùir no cheathrar de Mhinisteirean òga Gaelach a dhì air a Chomunn, agus tha dòchas againn gun éisd cuid de’n òigridh dhiadhaidh, a tha teachd a mach feadh na Gaeltachd air son na h-Eaglais, an glaodh àrd dùrachdach a tha tighinn thar chuan o’n luchd-dùthcha fein, ag ràdh riu, Thigibh a nall a chòmhnadh leinn. Tha mar an ceudna fear no dhà gu ceasnachadh a dhì orra. NAIGHEACHDAN. Cha’n’eil a bheag de naigheachdan mòr feadh an t-saoghail, ach na thachair san Fhraing, agus dh’ oidheirpich sinn sin innseadh ann an Còmhradh nan Cnoc. Is duilich leinn a ràdh, gun deachaidh mòran sluaigh gu bàs anns an iorghuill ud; ach tha dòchas againn gu’m bi sìth sheasmhach ann a nis. Tha’n cogadh seachad ann an Algiers, agus tha e air a ràdh gun d’ fhuair na Fràngaich còrr agus ceithir muilleine de phùind Shasunnach ann am buinn airgid a thug iad dachaidh. Tha nis muinntir na Parlamaid air an taghadh, an déigh anabharra strìgh agus costais a tharruing air an dùthaich. Tha e air a ràdh gun do chosd e còrr agus ceithir fichead mìle punnd Sasunnach do chuid diubh faotainn a stigh de’n Pharlamaid. Tha aobhar bhi taingeil air son an atharrachaidh bheannaicht a thainig air an aimsir; ma sheasas an t-sìd mar tha i nis bithidh bàrr trom tarbhach ann, ach bithidh e gun teagamh anamoch. Tha mhin a’tuiteam beagan, agus tha fiughair gun d’théid i ni’s saoire. Tha cosnadh doirbh r’a fhaotainn air Galldachd, agus tha na mìltean Eireannach le lamhaibh sgaoilte gu ghlacadh. Is mòr ar n-eagal gun d’thig na buanaichean bochda ro thràth a mach air an fhogharadh so. Bha luach na spréidh ro iosal air féill na Lùnasdal san Eaglais bhric, agus tha daoin’ a’ smuainteachadh nach ann an àird a théid iad air a bhliadhna so. [TD 96] LEABHAR UR GAELIC. An t-Ailleagan, no Comh-chruinneachadh Dhàn, Orain, agus Dhuanagan, LE SEUMAS MUNRO. Do Ghaedheil a tha togarach mu Dhàin agus mu Dhuanagan beaga taitneach, anns nach faighear focal nach feud an Oigh is beusaich’ a leughadh, agus a sheinn; anns am faigh an Gaedheal cainnt bhlasd a dhùcha fein, air a cuir sios anns an dòigh is snasmhoire—So luach-peighinn de ’n t-seòrsa air son sèa sgillinn is fear a thainig air àm sam bith ’n ar rathad. Tha’n t-Ailleagan air a reic le W. R. M‘Phun ’an Glaschu, air son séa sgillinn. FOCAL SAN DEALACHADH. Mòran taing d’ar càirdibh seasmhach. Am Fior Ghael, A. B. R. Mactalla, an t-Eileanach, Seumas, Domhnull, am Ministeir Gaelach, am Muileach agus an t-òigfhear. Am fad ’s a sheasas iad sin leinn cha’n’eil sinn fo chùram. Tha mòran againn uatha sin nach da chuir sinn fathast ’an clò, a’ cuimhneachadh gur còir càileiginn a bhi againn fa chomhair na coise goirte. Fhuair sinn an Dàn a chuir D. G. d’ar n-ionnsuidh, agus taing d’ar caraid suairce C. S. a sgriobh e, tha’n Dàn maith, ach tha e tuille ’s fada; theagamh gu’n cuir sinn fhathast cuid deth a mach. Soraidh do’n Bhraìgheach, agus iasgach maith dha air clach nan Cudainnean. Cluinneamaid gu tric uaithe-san. Cumaidh sinn dùil an Earraich gu deireadh a Gheamhraidh. Tha’n cumadh maith, agus gheibh e àite. Chuir fear nach ainmich sinn fios air Dàn beag suarach a chuir e d’ar n-ionnsuidh, o nach d’thug sinn àite dha ’nuair a dh’iarr e oirnn a dheanamh. Rannsaich sinn a mach e a lionmhoireachd nan nithe sin a tha againn fa chomhair an Teachdaire, agus chuir sinn air ais e, agus ag ràdh, Is bigid e sud, ’s bigid e sud, mar thuirt an dreathan, ’nuair thug i làn a guib as a mhuir. Taing do’n Ghleannach. Chithear an ùine bheag an cunntas a chuir e d’ar n-ionnsuidh mu àit adhlacaidh Oisein. Fhuair sinn litir o N. M‘N. O’n a chinn esan modhail ruinne, chi e gum bi sinn modhail ris. Labhraidh sinn ri cuid eile d’ ar càirdean ’san ath-Theachdaire. [TD 97] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS MEADHONACH AN FHOGH’RAIDH. XVII. AIREAMH. 1830. BABILON. An fhàisneachd mu thimchioll léir-sgrios, a Bhaile mhòir so.* THA Babilon air tuiteam, air tuiteam; agus tha uile dhealbhan snaidhte a diathan air am briseadh gu làr. Isa. xxi. 9. Tha sinn dearbhta nach feud e gun bhi taitneach d’ar luchd-dùthcha eòlas a thoirt doibh air cuid de na bailtean mòr ainmeil sin ann an rioghachdaibh na h-àird-an-ear, air a’ bheil iomradh againn san scriobtuir, agus a tha nis nan làraichean briste, gun chlach air muin cloiche dhiùbh. Ann an eachdruidh nam bailte mòra sin, agus na rioghachdan anns an robh iad air an suidheachadh, chi sinn coi’lionadh gach fàisneachd iongantach a rinneadh m’an déibhinn, agus bithidh sinn air ar n-aomadh gu thuigsinn mar thubhairt Isaiah, Cò dh’aithris so o chian? a dh’innis e o’n àm ud? nach mise, an Tighearn, agus cha ’n’eil dia tuilleadh ann ach mi? Seasaidh mo chomhairle, agus gach ni is àill leam ni mi.* Tòisichidh sinn le Babilon. Feadh iomadh linn, b’e Babilon am bail’ a b’ainmeile bha san àm sin air aghaidh an t-saoghail; is iomad ainm tha air a thoirt da ann am focal De, a tha leigeadh ris duinn oir-dheirceas, àilleachd, neart agus dreachmhoireachd a Bhaile mhòir so. Tha e air ainmeachadh Babilon mòr—glòir nan rioghachdan, àilleachd agus uaill Chaldea—Baile an òir—Ban-tighearna nan rioghachdan—saibhir ann an ionmhasaibh—cliù an domhain uile— Bha am Baile so air a chuairteachadh le ball-dìon no callaid, a bha air a mheas a measg iongantasan an t-saoghail. Bha am balladh so tri fichead mìl’ air fad—ceithir chearnach, air chor ’s gun robh gach taobh dheth cùig mìle deug air fad. Tha a challaid-dhion so tri cheud troidh air àirde, agus os ceann ceithir fichead troidh air leud. Tha luchd-eachdruidh ag innse dhuinn gu’n rachadh sè carbadan taobh ri taobh air mullach na callaid so, mar air slighe fharsuing, gun bhi’n caramh a chéile. Tha challaid so air a cuairteachadh air an taobh a mach le dìg fharsuing, làn uisge. Tha cùig fichead *Isaiah, xiii. 1, 4, 5, 9, 19—22. Isa. xiv. 4, 11—19, 22, 23. Isa. xxi. 9. Isa. xliv. 27, 28. Isa. xlv. 1.Isa. xlvi. 1. Isa. xlvii. 1—5, 7—11. Ierem. xxv. 12, 14. Ier. l. 1, 2, 3. Ier. iv. 9—13. Ier. v. 21—26—15, 16, 29, 32, 35—45. Ier. li. 2, 8, 9, 11, 13, 14. Ier. v. 25—33. Ier. l. 36, 37, 39, 41, 42, 43, 44, 45, 46, 47, 57, 58, 63, 64. [TD 98] geata no còmhladh air ballachan a bhaile so. Bha na dorsan so gu h-uile de phrais no umha: tha so a’ soilleireachadh dhuinn seadh nam briathran a labhair Dia le Isaiah, xlv. 2. Théid mise romhad, agus ni mi na slighean fiara dìreach; na còmhlaichean umha spealgaidh mi, agus na croinn iaruinn brisidh mi nam bloighdibh. Bha na còmhlaichean so fosgailte rè an là, agus druidte san oidhche; agus eatorra bha turaidean àrda làidir air an togail; agus trid meadhon a Bhaile bha abhuinn Euphrates a’ ruith, agus drochaidean eireachdail air an togail thairis oirre. Bha luchùirtean àluinn ’sa Bhaile so co dreachmhor ’s a thogadh le lamhaibh; agus sràidean air son farsuingeachd agus eireachdais nach robh ’an aon bhail’ eile air aghaidh an t-saoghail. Ri uchd na callaid àrd a bha m’an bhaile, agus air an taobh a stigh dhi, bha liosan air an suidheachadh, ag éirigh suas air claon bhruthach, gu bràighe barra-bhalladh a bhaile, agus anns na liosaibh eireachdail so bha gach lus agus luibh bu phrìseile agus bu taitnich a’ cinntinn. Cha’n’eil e comasach dhuinn cunntas a thoirt air gach teampull àrd a bha sa bhaile so; ach bha aon ann is éiginn duinn ainmeachadh, oir cha robh a leithid eile air talamh, b’ e sin teampull Bhelis. Bha’n aitreabh so a’ co’-sheasamh de ochd-tuireada deug, ag éiridh os ceann a chéile, agus a’ fàs ni bu chaoile mar bha iad a’ dìreadh. Bha ’n teampull so ni bu mhò na togalaichean barra-chaol na h-Eiphit. Bha e sè ceud troidh air àirde, agus a thiuighead a reir sin. Tha daoine foghluimte a’ smuainteachadh gu’m b’e so tùr Bhabeil, air a bheil iomradh againn sna scriobtuiribh. Bha saibhreas na rioghachd, agus iodhalan na dùthcha, air an gleidheadh san teampull so. Sann an so a chàirich Nebuchadnesar na soithichean òir agus airgid a thug e leis a Ierusalem. Tha e air innse dhuinn gun robh do dh’ òr agus airgiod aige san teampull so air aon àm os ceann fichead muillein de’n chùinneadh againne. Cha’n’eil seanachas cinnteach againn cò a leag stéigh a bhaile so, ach tha fios againn gur e righ Nebuchadnesar a dh’àrduich e gu bhi na iongantas a’ measg bhailtean an t-saoghail, mar tha e fein le bòsd mòr ag innseadh dhuinn ann an leabhar Dhanieil, iv. 30. Nach i so, ars’ esan, Babilon mhòr, a thog mise mar thigh na rioghachd, le neart ma chumhachd, agus air son onoir mo mhòrachd? ’S ann chum Babilon mòr so a lìonadh a thug an righ uaibhreach so sluagh co lionmhor, ann am braighdeannas as gach Dùthaich agus Rioghachd air an d’ fhuair e ceannas. B’e Babilon Ceanna-bhaile tìr Chaldea, an aon dùthaich bu tarbhaich a bha san àm sin air aghaidh an t-saoghail. A bharrachd air Babilon, bha bailtean mòr eile ann an tìr Chaldea, agus cuid diubh ro chumhachdach. Bha aon bhail’ ann d’am b’ ainm Sileucia, a thogadh tri cheud bliadhna an déigh fàisneachd Ieremiah, anns an robh ri linn Chriosd sè ceud mìle pears’ a chòmhnuidh. Tha cunntas againn ann an eachdruidh mu thrì bailtean a thogadh dlù d’a chéile, agus a chinn fa dheireadh mar aon Bhaile mòr, a bha ochd-mìle-fichead air fad. Ach ged a bha bailtean Chaldea co lionmhor b’e Babilon Ceanna-bhaile na rioghachd; agus tha’n cunntas a th’ againn mu àillealachd agus [TD 99] mòralachd a bhaile so, mu luchuirtibh eireachdail, mu theampuill àrda, mu ’liosaibh cùbhraidh, mu bhruachaibh na h-aibhne bha ruith troimhe, mu neart do-labhairt na callaid a bha mu thimchioll, le gheatachaibh pràis, agus a thùir àrda, ga chomharrachadh a mach mar uaill Chaldea, Ban-righ na rioghachd, agus Ceanna-bhaile mòr an t-saoghail. Nach saoileamaid, ma ta, gu’n cuireadh am Baile làidir so aois agus aimsir gu’n dùlan? Nach bu nàdurra ri smuainteachadh nach d’thigeadh gu dìlinn lòm-sgrios co mòr agus co buileach air a Bhaile so, agus nach biodh clach ri faotainn air muin cloiche dheth? Nach bu dùgh dhuinn a smuainteachadh nan seasadh baile a thogadh le làmhaibh gu’m b’e Babilon an t-aon? agus ma dh’ fhosglas sinn am Biobull chi sinn gu’m b’e sin a barail fein; oir thuirt e, Bithidh mi a’m’ bhaintighearn gu siorruidh;—Tha mi, agus cha ’n ’eil ann ach mi; cha suidh mi a’ m bhantraich, cha’n aithnich mi call cloinne. Isa. xlvii. 7. 8. Ach ciod iad innleachdan an duine, agus uaill an t-saoghail so an aghaidh briathra Dhe. Ochd fichead bliadhna m’an d’ éirich lochd no beud do’n Bhaile mhòr so, ’s an uair a bha e’n àird a ghlòir, agus a cheann ag éiridh le uaill chum nèamh, chuir am Fàidh Isaiah ’an céill gun robh breitheanais an Tighearna Dia a mach ’na aghaidh. Ghlaodh e mach, mar gu’m biodh na chunnaic e ann am fàisneachd ceart fa chomhair a shùl, Tha Babilon air tuiteam, air tuiteam; agus tha Ieremiah le tuireadh brònach a’caoidh, Thuit i, thuit i, thainig léir-sgrios gu buileach oirre; agus thog e an fhàisneachd so, cian m’an robh a bheag de choslas sgrios a theachd na còir. Bha breitheanais an Tighearna a mach an aghaidh luchd-àiteachaidh Bhabiloin agus thìr Chaldea, air son an iodhal-aoraidh, am fòirneart, an uaill, an sannt, misg, an cealgaireachd, meud agus uamharrachd am peacaidh. Bha’n iodhal-aoraidh bu ghràineil air a chleachdadh leo, agus gnàthachadh air a cheadachadh a bha oillteil th’ ar cuimse. Air am beannachadh le saibhreas de shochairean saoghalta, cha robh suim aca do ghlòir Dhe, agus uime sin tharruing iad orra fein breitheanais an Tighearna. Cha’n’eil ni a thachair dhoibh, cha robh dòigh, air an do thachair e—cha robh àm san do thachair e, cha robh rioghachd no sluagh a dh’ éirich nan aghaidh, cha robh lòm-sgrios, no milleadh a thainig orra, nach ’eil gu h-eignidh air a chuir sìos ann am focal De, agus air innse le fàidhibh an Tighearna lìnntean m’an do thachair e. Cha’n’eil e comasach dhuinn ann an eachdruidh aithghearr’ de’n t-seorsa so ruith thairis air gach fàidheadoireachd a th’ againn anns a Bhiobull mu leir-sgrios Bhabilon agus thìr Chaldea. Chomhairlichinn doibhsan a ta gabhail suim de ’n eachdruidh so, am Bìobuill a ghabhail, agus iad a leughadh air an socair na h-earrannan sin a tha air an comharrachadh a mach aig cois na ceud duilleig, agus iad a dheanamh so anns an riaghailt anns a’ bheil iad air an cuir sìos. Tha e air innseadh anns na h-earrannaibh sin a leugh sibh gu’m b’iad na Medic agus na Persianaich a bha ri dol suas an aghaidh Bhabilon, agus tha eadhon Cirus, an Ceannard a bha ri bhi orra, air ainmeachadh dhuinn fada m’an d’ thainig e dh’ionnsuidh an t-saoghail, Faicibh Isa. 45. 1. Bha mòr shluagh ri dol suas maille ris, mar [TD 100] chi sibh, Isa. xiii. 4, 5. agus tha eadhon ainm nan rioghachdan a bha ri dol suas leis gu cath air an innse roi-laimh, le Ieremiah, li. 27, 28. Tha e air innse mar an ceudna nach d’ thigeadh muinntir Bhabiloin a mach gu cogadh, oir bha’m baile co laidir, bha teachd-an-tìr aca na dh’fhòghnadh dhoibh fichead bliadhna, uime sin cha robh smuairean orra; chuir iad Cirus agus am feachd a bha leis gu’n dùlan, agus chuir iad seachad an aimsir ann am fleadhachas agus ann an ruiteireachd. An ni a bha eacomasach do Chirus a dheanamh air dòigh ghnàthaichte, bhuadhaich e le innleachd a chleachd e. Bha abhainn Euphrates a ruith tre mheadhon a Bhaile, bha i ceithreamh mhìle air leud, agus da-throidh dheug air doimhneachd. Thug Cirus fainear amar ùr a chladhachadh air son na h-aibhne, anns an do chuir e seachad i air cùl a bhaile, agus ann an sean chlais na h-aibhne fhuair e fein agus am feachd lionmhor a bha leis slighe gu dol a steach do’n Bhaile. Dh’ innseadh le Ieremiah gur ann mar so a bhiodh a chùis, l. 38. Tha tiormachd air ’ur n-uisgeachaibh, agus tiormaichear suas iad, agus anns an 24 rann de’n Chaibdeil cheudna, tha Dia ag ràdh, Leag mise rib air do shon, agus bha thu fòs air do ghlacadh, O Bhabilon, an uair nach do shaoil thu. Cia mar, ma tha, a choimhlionadh an fhàidheadaireachd so? Tha luchd-eachdruidh nan Cinneach, Gréugaich ainmeil* ga innseadh so dhuinn, gun do ghlacadh e an uair nach do shaoil iad, agus a bha ’n righ agus a chùirteirean a’ cur seachad na h-oidhche ann am fleadhachas agus a sùgradh; agus tha so uile gu mion againn air a chur sìos anns a chùigibh Caibdeil de leabhar Dhanieil, a dh’aslaicheamaid orrasan aig a’ bheil tlachd de’n eachdruidh so iad ga leughadh gu cùramach; agus thugadh iad leo nan cuimhne gun robh Daniel a làthair ann am Babilon air an oidhche san do thachair so uile. Dh’ innseadh roi’-laimh gun tachradh gach ni dhiubh so le Isaiah agus le Ieremiah. Cuiridh mis’ air mhisg a prionnsachan, agus a daoine glice, a cinn-fheadhna, agus a h-uachdarain, agus a daoine cumhachdach; agus coidlidh iad codal bith-bhuan, agus cha dùisg iad tuilleadh, deir an Righ d’an ainm Iehobhah Dia nan sluagh; agus ceart mar thuirt, thachair. Air a cheart oidhche sin fein ann am briathraibh Dhanieil v. 30. ’nuair a bha misg air an righ agus air uachdarain, agus a dh’fhàg iad na còmhlaichean a bh’ air bruach na h-aibhne fosgailte, fhuair an naimhdean a stigh, mharbhadh an righ, agus ghlacadh an rioghachd. Choimhlionadh gu h-iomlan gach ni a dh’innseadh leis na fàidhibh lìnnte m’an do thachair e. Chaidh Cirus agus Darius a stigh le’m feachd, d’am b’âireamh sè-fichead mìle, mar so a coimhlionadh na bha air innseadh le Ieremiah fada roi’n âm, liv. 14. Gu deimhin lìonadh mi thu le daoinibh, mar gu’m b’ann le locuist, agus togaidh iad suas iolach ann ad aghaidh. Ach math a dh’ fhaoidte gu bheil cuid a leughas so ullamh gu ràdh, thachair na nithe so o cheann ùine co fada, agus nach ’eil fios againn ciod a bharail is urrainn duinn a thoirt orra; ach ma bhitheas foighidinn agaibh a dh’ éisdeas, leigidh mi ris duibh gun d’ innis Isaiah agus Ieremiah o chann da mhìle agus cùig-ceud bliadhna, a * Heredotus agus Zenophon. [TD 101] cheart staid anns a’bheil tìr Chaldea agus Babilon air a cheart àm so. Agus tha luchd-turuis o’r dùthaich fein, agus o iomad rioghachd eile, a’ togail fianuis air fìrinn gach focail a labhair sinn. Cha d’ thainig sgrios air Babilon ann an aon latha, mhilleadh e uidh air uidh, ach cha robh beud no dosgainn, no atharrachadh no milleadh a thainig air àm sam bith na rathad nach robh air innseadh roimh làimh leis na fàidhibh naomha. Thig a nuas, ars’ Isaiah, agus dean suidh anns an duslach, Oigh nighean Bhabiloin, suidh air an làr, cha’n’eil righ-chaithir ann, a nighean na Caldéach. xlvii. 1. Tha e ga h-ainmeachadh na h-Oighe, a chionn nach do ghlacadh riamh roimhe i, ach an uair a fhuair Darius a stigh, choimhlionadh an fhàisneachd so mu déibhinn; cha robh righ-chaithir ann am Babilon ni b’ fhaide, shuidh nighean nan Caldéach san duslach, ag ìocadh cìs do rioghachdaibh fo’n robh i o so a mach ’an daorsa. An uair a fhuair na Medich a stigh, cha robh uiread shuim aca mu òr no mu airgiod, ’sa bha aca de mhort’ agus de dh’ àr, gun iochd do’n òg no do’n anmhunn; ach so fein, chunnaic Isaiah da cheud bliadhna m’an do thachair e, agus tha e toirt an aon chunntais uime, ’sa tha luchd-eachdruidh Chinneach a dh’ ainmich sinn cheana, agus nach cuala riamh iomradh air ’ainm. Feuch, ars’ an Tighearna trid beul Isaiah, dùisgidh mi suas nan aghaidh na Medich, aig nach bi meas air airgiod; agus air son òir, cha bhi suim aca dheth. Pronnaidh am boghachan na h-òganaich, agus cha dean iad iochd ar toradh na bronn; cha ghabh an sùil truas do leanabaibh, xiii. 17, 18. Air eagal gun éireadh Babilon a rìs gu meas, thug Darius fa’near gu’m biodh a bhallachan làidir air am bristeadh gu làr, agus a dhorsan ainmeil air an losgadh le teine. Tha’n Gréugach ainmeil a sgriobh eachdraidh a chogaidh so, ag innseadh dhuinn gun do shaoithrich am feachd a’toirt léir-sgrios air a bhaile so, gus an d’ fhannaich iad le sgìos; ach cha d’ innis iadsan so a chunnaic e a’ tachairt, a bheag ni’s mionaidiche na rinn Ieremiah ’nuair bha Babilon ann an àirde ’ghlòir, li. 58. Mar so tha Tighearn nan sluagh ag ràdh, Brisear gu tur ballacha leathan Bhabiloin, agus loisgear a gheatachan àrda le teine; agus saoraichidh na slòigh gu dìomhain, agus na cinnich anns an teine, gus an toir iad thairis le sgìos. ’Nuair a phìll an duine ainmeil Xerxes as a Ghréig spùinn e’n teampull, anns an robh na h-iodhalan-aoraidh air an gleidheadh; agus choi’-lion e gun fhios d’a fein briathra Dhe, Tha Babilon air tuiteam, air tuiteam; agus tha uile dhealbhan snaidhte a diathan air am briseadh gu làr. Cha’n urrainn duinn gach fàisneachd riochdail mu léir-sgrios Bhabiloin a chuir sìos, agus an dòigh air an do choimhlionadh iad, ach tha aon no dhâ ann is éiginn duinn a thoirt fainear, Ier. li. 44. Agus bheir mise breitheanas air Bel ann am Babilon, agus bheir mi mach as a bheul an ni sin a shluig e. Choimhlionadh so gu h-eignidh, oir is ann an teampull Bheil a chàireadh na soithichean òir agus airgid a thug Nebuchadnesar air falbh a Ierusalem; agus an uair a cheadaich Cirus do Chloinn Israeil pilleadh air an ais b’éiginn do Bhel dealachadh ris na nithe prìseil sin a shluig e, agus chaidh an liuthairt [TD 102] air an ais do chloinn Israeil, gu gu bhi air an giùlan leo do Ierusalem. Tha e air a ràdh, Ier. li. 8, 9. Thuit Babilon gu h-obann, agus mhilleadh i; guilibh os a ceann; gabhaibh ìoc air son a leòin, ma dh’ fheudar mar sin a leigheas. B’ àill leinne Babilon a leigheas. Thug Alastair uaibhreach oidheirp air Babilon a thogail a rìs, dh’ fheuch e a leigheas, agus a deanamh na Ceanna-bhaile do gach rioghachd lionmhor air am b’uachdaran e; ach am feadh ’sa bha e feuchainn ri teampull Bheil a thogail, agus creuchdan a Bhaile mhòir so a dheanamh suas, ghlac an t-éug e, agus bhàsaich esan a thug buaidh air an t-saoghal, ann an tréin a neart, agus ann an àird a chumhachd, ’nuair a dh’ fheuch e, ’s gun fhios aige ciod a bha e deanamh, ri cur an aghaidh fàisneachd an Tighearna. O’n àm sin thainig Bail’ an òir gu neo-ni; agus choimhlionadh anns an dòigh is iongantaiche gach fâisneachd a rinneadh ma thimchioll. Bithidh am fearann so na fhàsach agus ’na uamhas, ’na fhearann far nach gabh duine chòmhnuidh: agus fàsaidh an droighionn suas ’na lùchairtibh, agus bithidh i na fàrdaich aig dràgonoibh, ’na h-àros aig nigheanaibh na comhachaig. Agus mar so thachair. Sgriosadh e gu buileach, agus mar labhair Ieremiah, li. 37. Tha Babilon ’na carnaibh, ’na h-ionad-còmhnuidh dhràgon, ’na h-uamhas, agus ’na ball-sgeig, gun aon ’ga h-àiteachadh: agus seusaidh comhairle an Tighearn an aghaidh Bhabiloin gu daingean, a dheanamh tìre Bhabiloin ’na fàsach gu’n neach ’ga h-àiteachadh, agus ars’, Isaiah, Agus ni mi e na sheilbh do’n ghràineig, agus ’na phollaibh uisge; agus sguabaidh mi e le sguuib an léir-sgrios, deir Tighearna nan sluagh. Agus ma thainig sguab an léir-sgriosaidh air dùthaich riamh, b’i so i. Tha lochanan uisge agus boglaichean farsuing, far an robh am Baile bu mhò, agus am fearann bu tarbhaich a bh’ air aghaidh an t-saoghail. Tha nathraichean nimhe, agus beathaichean fiadhaich, far an robh lùchairtean na mòralachd, air chor ’s gur gnothach cunnartach do dhaoine dlùthachadh air an àite so. Agus tha fear-turuis as am feud sinn earbsa, agus a bha san dùthaich sin o cheann ghoirid, ag ràdh, Nach ’eil an diugh air aghaidh an domhain fàsalachd agus léir-sgrios ni’s eagalaich na tha san àite sin. Is uamhasach na briathran a labhradh le Isaiah, o cheann còrr is dà-mhìle, agus cùig ceud bliadhna, agus an diugh fein tha iad air am firinneachadh fa chomhair ar sùl; Leughaibh na briathra sin, Isa. xiii. 19, 20, 21, 22. “Agus bithidh Babilon, maise nan rioghachdan, glòir uaill nan Caldéach, mar an léir-sgrios a thug Dia air Sodom agus Gomorrah. Cha’n àitichear gu bràth i, ni mò ghabhar còmhnuidh innte feadh lìnn nan linn; cha suidhich an t-Arabach bùth an sin; ni mò ni buachaillean buaile’an sin,” &c. Thachair so uile, an diugh cha’n’eil còmhnuidh ann; agus do réir coslais, cha bhi gu bràth. Tha na h-Arabaich fein ga sheachnadh, buaile cha’n’eil ann an tìr Chaldea uile, ga farsuing i; agus dìthreabh ni ’s eagallaich na Babilon cha’n’eil an diugh air uachdar an t-saoghail. Tha Babilon d’a rìreadh air tuiteam. Tha uile-rùin Dhe d’a thaobh air an coimhlionadh. Agus thainig an t-àm anns a bheil sinn a’ cluinntinn guth Dhe ag radh, “Co dh’aithris so o chian? [TD 103] a dh’ innis’ e o’n àm ud? nach mis, an Tighearn? agus cha ’n ’eil dia tuilleadh ann ach mi?” O! nach d’thugadh daoine so fainear, agus gu’m foghlumadh rioghachdan an domhain gliocas. “Gu deimhin, deimhin, a deiream ribh, m’ar gabh sibh aithreachas gun d’ théid sìbh uile am mughadh.” Campsie. T. M‘L. An Criosduidh gabhail a chead de’n t-saoghal. I. Soraidh leat a shaoghail Ni’n caoineam idir thu: Ged umad bha mi gaolach S ge b’aobhach leam do ghnùis; Bha uair,—ach rinn i caochladh, Bha d’aogas is do dhealbh, ’Nam bheachdsa maiseach, gaolach, Ach chaochail i is dh’ fhalbh. II. ’Nam bheachd, an tùs mo làithean, Bu chairdeil blà, ro chùr’, T’anail chaoimhneil chairdeil, Do’m fhàilteachadh le sùnnd; Ach dhomhsa bu neo-dhìleas. Neo-fhìrinneach a glòir; ’S bu domblasda a mìlseachd A dh’aindeoin brìodal beòil. III. A’d’ thobraichibh a b’ùrair— A’d’ shruthaibh siubhlach, dian, Do dh’òl mi, cridheil sunndach, Car ùine mar mo mhiann; ’S ge b’bhlasda leam mar bhùrn e ’S ge b’ùrar e do’m bheul; Do tharruing mi do m’ ionnsuidh A ghrùid maraon ris fein, IV. A bheanntaidh corrach àrda— A ghleantaidh àluinn gorm: Soraidh agus slàn libh Tha trà dhomh nis bhi falbh; ’S ged sgàileas sibh o m’ shùilibh, Le ceathach dùmhail bàis, Cha tuir mi sibh ’s cha’n iunndrain Tha’m fhradharc dùi’ch is fearr. V. San uair so, ged nach éisd mi, Ri d’ ghuth a Dhe, ad chùirt, ’S do mholadh, ged nach seinn mi, Led, Phobull fein, le sùnnd; Cha’n’eil mi dubhach déurach Fo éislein na fo bhròn, Oir cluinnidh mi, is éisdidh Do chliùsa Dhe an glòir. VI. Tha’m feasgar orm a’ ciaradh ’S mo ghrian a triall tre neòil; ’S tha’n oidhche ag iadhadh Is siorruidheachd am chòir, ’S ge h-eagallach le uamhais Tha’m bàs san uair do’n fheòil; Tha gàirdean treun gam chuartach, ’Sam buachaille am chòir. VII. Soraidh bhuan gu bràth libh Gach aobhar cràidh a’s bròin, Gach deuchainn agus sàruch, ’S gach ànnra anns an fheòil Soraidh leis gach cruadal, Gach buaireadh, agus strì, Oir fagus tha do’n uaigh mi ’S do shuaimhneas a bhios sìor. VIII. Fàilte ort a shiorruidheachd, A là neo-chriochnach buan, A chuain gun tràigh gun lionadh Se’m iartas dian san uair, Mo bhréid ’s mo sheòl a sgaoileadh, ’S air d’uchd nach traogh bhi snàmh, Gun ruig mi’n caladh aobhach Sa’m bheil m’ Fhear-saoraidh tàmh. AM FIOR GHAEL. [TD 104] IAIN KNOX. An treas Earrann. ’Nuair a chruinnich pàrlamaid na rioghachd anns a bhliadhna 1563, bha Knox an sàs annta chum reachd ùr a dheanamh gus an creidimh ath-leasaicht’ a dheanamh tearainte; ach, so cha deach’ leis. Coma, beagan roimh àm dhoibh sgaoileadh shearmonaich e aon là an éisdeachd mòran de mhaithean na rioghachd, agus thug e sgiursadh garbh dhoibh airson am mi thaingealachd, agus a bhi cho lapach ann an aobhar Chriosd. Bha iomradh san àm, gu’n robh a bhan-righ a dol a phòsadh pàpanaich: cha robh so r’a leigeadh seachad. “A mhaithean urramach,” arsa Knox, “fuilingibh dhomh a ràdh, an là dh’ aontaicheas sibh ana-creideach a bhi na righ oirbh, ni sibh na’s urrainn duibh a chum Iosa Criosd fhògradh as an rioghachd; bheir sibh dioghaltas Dhe air an fhearann; bheir sibh plàigh oirbh fein, agus cha chuir sibh, a réir mo bheachdsa, bheag ri sonas ’ur ban-righ!” Cha d’ éisd luchd-miodail na ban-righ tuille; a mach ghabh iad agus innsear dh’i gu’n do shearmonaich Knox an aghaidh a pòsaidh. Cha do thaitinn so ris a bhan-righ. Dh’ àithn i Knox a thoirt ’na làthair. Nuair chunnaic i e thòisich i ri gal ’s ri meacanaich mar leanabh beag, ’s thug i’n aghaidh air gu’n robh e toirt mi-chliu araon oirre fein’s air a riaghladh. ’Nuair a chunnaic Knox gu’n robh i ’nis a’ fàs ni bu chiùine fhreagair e gu stòlda. “A bhan-righ oirdhearc! nam faiceadh Dia iomchuidh ’ur saoradh o na baralaibh coirbte anns an deach’ ’ur n’oilein, cha’n abradh sibh gu’n dubhairt mise focal as an rathad. A mach as a chrannaig cha’n’eil e bitheanta leam oilbheum a thoirt: ach anns a chrannaig cha mhi mo mhaighstir fein, ach seirbhiseach an Ti ’ta ’g àithne an fhìrinn a labhairt a mach, gu’n mhiodal ri àrd no ri ìosal,”—“Ach,” ars’ a bhan-righ, ciod e do ghnothach ri m’ phòsadhsa?” Bha Knox a’ dol a mhìneachadh dh’i a dhleasnas mar mhinisteir an t-soisgeill, ’nuair, le corruich a ghlaodh i mach a rìs, “Cò thusa—Ciod e do ghnothach ri m’ phòsadhsa?” “Le’r cead a bhan-righ, arsa Knox” tha e fior nach Iarl’ no Mor’ear mi, gidheadh chunnaic Dia ’na ’mhaitheas iomchuidh mo thogail suas a chum leas na rioghachd: Seadh, dhomhsa buinidh rabhadh a thoirt mu’n olc cho mhath ris a Mhor’ear as àird’ inbhe: tha mo dhreuchd agus mo choguis ag iarraidh orm a bhi dìleas, agus uime sin, deiream a rìs, an là dh’ aontaicheas maithean na’ rioghachd so sibhse ’cheangal ri pàpanach, nach urrainn iad tuille ’dheanamh a chum Criosd agus fhirinn fhògradh as an rioghachd; agus ar còraichean a spìonadh uainn!” Air so thòisich a bhan-righ ri bas-bhualadh; sheas Iain, na thosd, a’ dian amharc oirre. Ma dheireadh labhair e, “Cha bu taitneach leam riamh ars’ esan,” aon de chreutairean Dhe fhaicinn a’ gul, ’s gann gu’n dùraig mi eadhon mo chlann fein a smachdachadh air eagal an cluinntinn a’ caoineadh: dhuibhse ’ar leam, nach tug mi aobhar caoinidh; co dhiùbh, ’s fearr leam ’ur deòir fhaicinn na mo choguis fein a lot, agus an rioghachd a bhrath do thoil a nàmhaid le m’ thosd?” ’S ann a nis a b’àirde glaodh na ban-righ, agus gun tuilleadh éisdeachd dh’òrduich i mach as a sealladh e. Chuir i ’comhairle ris na [TD 105] mor’-earaibh ciod a dheanta air; chomhairlich cuid a chrochadh; cuid a losgadh gu bàs; ach cha robh obair Knox fathast ullamh, uime-sin, fhuair e as. Am feadh a bha bhan-righ ann an Sruileadh, chum an teaghlach Airinn anns an lù-chuirt ann an Dun-eidean gu follaiseach. Cha robh muinntir a chreidimh ath-leasaichte toilichte leis a so, agus air dhoibh aon là mòran fhaicinn a’dol a steach, thilg siad iad fein nam measg, a feòraich c’arson a bha’n lagh co ladurna air a bhriseadh? Bha’n iorghaill a nis air bonn, ach cha do chailleadh beatha. Chaidh dithis de luchd a chreidimh ath-leasaichte ’ghlacadh le òrdugh na ban-righ, agus bha là air a shònrachadh a chum am feuchainn. Chunnaic eaglais Chriosd, gun robh, cha’n e mhàin an dithis so an cunnart am beatha, ach an lagh a dhìteadh iadsan gu’n ruigeadh e mìltean. Thug iad uime sin, air Knox coinneamh a ghairm air là na cùirte chum iad fein a dhìon. B’ àill le càirdibh na ban-righ a dheanamh a mach, gu’n robh a choinneamh so mi-laghail, agus gu’n robh briathra na litreach ceannairceach, agus shaoil iad a nis nach robh dol as aig Iain Knox: Rinn an lagh greim air aon uair eile. M’an tainig là na cùirte rinn iad na bha nan comas a chum eagal a chur air, feuch an aidicheadh e gu’n robh e ciontach: ach bha làthaireachd a Dhe le Knox, agus cha bu daoine ’chuireadh giorag air. “Cha d’rinn mi, ars’esan, ach mo dhleasnas, agus uime sin, ciod air bith mar thachras tha m’ earbsa gu’n seas mo Dhia mi!” Thainig a nis an là—thugadh am priosanach a làthair. ’Nuair a chunnaic a bhan-righ e rinn i iolach mhòr ghàire. “Sin, ars’ise, fear a thug ormsa bhi gul; theagamh gu’m faic mis’ esan a gul an diugh.” Thòisich an deuchainn, ’s cha robh i soirbh. Dh’aidich Knox gu saor gur h-e ’sgriobh an litir, ach nach robh a choinneamh air mhodh air bith mi-laghail. ’Nuair chual a bhan-righ e, ghlaodh i ’mach. “C’arson a ta sibh co leanabail ris? Co thug òrdugh dhà m’iochd’rain-sa thoirt cruinn?” “’S iomadh uair,” arsa Knox, “a thug mi cruinn iad, araon là sàbaid ’us seachduin ’s cha chualas riamh gum b’olc gus a nis: Cha’n e ’mhàin” ars’ esan, ’se gabhail misnich “tha’n t-àm a chaidh seachad fathast fa chomhair mo shùl—tha mi faicinn treud lag Chriosd co mòr an cunnart ’sa bha iad riamh. ’S an àm a chaidh seachad bha ’n diabhol ag imeachd sios ’us suas na fhìor choltas fein: tha nis sgàil air a ghnùis agus meallaidh e anama bochd mar bi iad nam faicill! A mhaithean Alba! am bheil sibhse ’m beachd gu’n caisg fuil an dithis bhràithre so ìotadh nam pàpanach? cha chaisg—cha dean i ach an càil a bhrosnachadh; tha fhios againn air ar cosg nach ’eil ach nimh agus domblas nan cridheachaibh! Agus a bhan-righ! ribhse theirinn gur mic do’n diabhol iadsan a ta ga’r brosnachadh an aghaidh caoraich bhochd Chriosd, agus gur h-i obair an athar, an sean bhreugair agus an daor mhortair a ta iad a’ deanamh”—“Ciall! Ciall! arsa fear de na mòr-’earan, cha’n ann ’s a chrannaig a tha thu ’n tràs idir cuimhnich.” Tha mi arsa Knox far am bheil e mar fhiachaibh orm an fhirinn a sheasamh, agus an fhirinn seasaidh mi ’n làthair dhaoinibh agus ainglibh!” A chur an sgeòil an aithghearr, fhuair Iain fa sgaoil aon uair eile, ged nach b’ann a dheòin mòran de na bha ’làthair, gu h-àraid a bhan-righ. [TD 106] Anns a bhliadhna 1566, phòs a bhan-righ Pàpanach, fear Darnley, mac Iarla Lennox. chuir so fuathas air luchd a chreidimh ath-leasaichte, agus cha robh iad gun aobhar aca. Bha’n duine so do thaobh nàduir, árdanach, ceann-laidir; agus chuir a phòsadh an truaighe gu h-uile air. Thug a bhan-righ fainear éigheach na righ gun chead iarraidh air a maithean, ni bha’n aghaidh lagha agus riaghailt. Coma, chaidh Darnley agus a bhan-righ aon la ’nan carbadaibh riomhach a dh’éisdeachd Knox, Thachair do’n cheann-teagaisg a bhi o Isai. xxvi. 13. 14. “O Thighearn ar Dia, bha ceannas oirnn aig tighearnaibh eile bharrachd ortsa,” &c. Air dha labhairt mu thighearnaibh aingidh a chuireas Dia, air uairibh, os-ceann pobaill a chum an sgiùrsadh arson am peacaidhean, leugh e o’n treas caib. ’san ceathramh rann, “Agus ni mi leanabana nan uachdranaibh orra, agus riaghlaidh naoidheana os an ceann. Ghabh an righ so thuige fein agus chaidh e dhachaidh làn corruich. Chaidh òrdugh gu Knox gun searmonachadh tuilleadh gus am fàgadh an teaghlach rioghail am baile. Cha b’fhada chum so e; oir thug iad Sasunn orra an ceann dà latha. Chunnaic luchd a chreidimh ath-leasaichte nis an cunnart anns an robh iad fein san creidimh: bha na neoil a dubhadh agus an speur a’ fàs ni bu ghruamaiche gach là. B’eiginn d’an càirdean a b’fhearr teicheadh agus an rioghachd fhàgail, agus thòisich a bhan-rìgh air a chothrom a ghabhail a chum creidimh an t-sagairt a chur air bonn a rìs. Chum an righ agus cuid de uaislean an fhearainn, Airinn gu follaiseach, agus chuir a bhan-rìgh a lamh sgrìobhaidh ri reachd a chum a h-uile anam de’n chreidimh ath-leasaichte a sgrios gun tròcair, mar tionndadh iad! Mu’n àm so, thionndaidh mòran de na maithean, agus eadhon an righ fein an aghaidh Rizio, àrd chomhairleach na ban-righ agus nàmhaid fuilteach a chreidimh ath-leasaichte, agus cha b’ fhois no tàmh dhoibh gus na mhort iad gu h-ain-iochdmhor e. Chuir mort an duine so corruich ana-bharr air a bhan-righ agus chaidh gnothaichean a null ’sa nall gus an do thill na maithean a bha air fògradh. Leis gach ni a bh’ann, cha d’ fhuair a bhan-righ a miann air a bhliadhna so. Beagan na dhéigh so, chaidh an righ fein a mhort air iarrtas Iarla Bothwell, a thuit an trom-ghaol air a bhan-righ, ged bha e pòsda mar bha. An ceann beagan làithean rinn iad suas r’a cheile. Thug so oilbheum do mhaithean na rioghachd, chuir iad a bhan-righ bhàrr a chrùin, agus chuir iad ann an eilean Lochleven i. Theich Bothwell. chuireadh airgiod cinn as mar mhort’ear, ’s dh’éigheadh an t-Iarla Murray na fhear-ionad righ gus an tigeadh an t-oighre gu aois. Anns a bhliadhna 1568, fhuair ban-righ Màiri innleachd air teicheadh a eilean Lochleven an déigh a bhi’m priosan ann re dlù air bliadhna! A thiotadh dh’ éirich mòran leatha nach robh toilichte le Murray. Choinnich na h-airm aig Langside mu thuairm dà mhìle ma dheas air Glaschu, agus chaidh an latha le Murray. Theich Màiri do Shasunn, ach chuir a luchd leanmhuinn rompa gu’m biodh bàs fir-ionad an righ, Murray, air an làmhaibh: sann mar sin a thachair; thilg fear Hamilton, aon là le peileir e; a cheart duine a shàbhail Murray o’n chroich beagan roimhe so! Bha Knox agus Murray cho mòr aig a chéile, ’s gu’n do ghabh e ’bhás gu mòr gu cridhe. Tha e air aithris nach d’ fhuair e riamh os a cheann. Rinn e searmoin [TD 107] tòrraidh air a shon o na briathraibh, “’S beannuichte na naoimh a gheibh bàs ’s an Tighearna.” ’Nuair a tharruing Knox suas biùthas agus buaidhean an duine mhath so, de na trì mìle ’bha ’san éisdeachd cha robh a h-aon diubh nach robh a’ sileadh nan deur! M’an àm so bha beatha Knox do gnàth an cunnart feadh na h’ oi’che, bha na peileirean a srannraich m’a chluasaibh, agus b’ éiginn freiceadan a chur air an tigh air eagal gu’n rachadh a mhort. Bha teanga luchd mi-ruin a’togail sgleò air. B’ àill leò ’ràdh gu’n do chuir e fios gu Ban-righ Shasuinn gu cogadh an aghaidh a dhùthcha. “Na rinn mi arson mo dhùthcha,” arsa Knox, “cha’n’eil sûilean aig an linn so chi e, ach chi agus aidichidh lìnnibh ri teachd e. Tha mi ’nis a’triall air slighe gach uile fheòil; cha’n’eil mi ’g iarraidh ach ma tha ni air bith ri ràdh m’ aghaidh gu’n rachadh a ràdh gu follaiseach. Oir ’s neò-sheirceil an ni ma dh’fheumas mi ann am shean aois dol a chogadh ri ialtagaibh, ’s ri cailleachaibh oi’che nach tig a chum an t-soluis.” ’Mach uaithe so bha Knox gach là a fàs ni bu laige ’s ni bu làige. Chuir an casgradh uamhasach a thachair ’s an Fhraing a cheann fuidh’ gu h-uile, oir mhortadh ann an aon seachduin ann am Baile-mòr na Fràing’ amhàin còrr ’us “cuig-fichead mile” de luchd a chreidimh ath-leasaichte! Bha tuilte fola a ruith la sràidibh a bhaile: bheum Pàp na Roimhe na cluig le toilinntinn, agus chum e Iubilee rè iomadh là. Thug mi nis Knox, a Theachdaire rùnaich, gu leab’ a bhàis: aon ghuth eile agus fàgaidh mi e maille riùsan a bha firinneach gu bàs, agus a fhuair crùn na beatha. MACTALLA. Eilean Chola, 1830. COMHRADH NAN CNOC. Fionnladh-Piobaire na shuidhe aig ceann an tighe a’ càramh sean bhrògan a mhnatha, na pàistean a’cleasachd air an àilean, Eoghann Brocair a’ dlùthachadh air an tigh, le choin air lothainn na dhéigh, agus luinneag na ’bheul mar bu ghnàth leis. Broc. Gur iad mo rùn na fleasgaichean, Am feasda nach dean pòsadh; Gur h-ann tha bheatha sheasgair Aig na fleasgaichean an còmhnuidh Pìob. Sin thu Eoghainn, h-ùg air na h-òrain mar is gnàth leat. Cò is meamnaiche na thusa? Broc. Innsidh mi sin duit; An cual’ thu’n sean-fhocal, Mac bantraich aig am bi crodh, Searrach sean làradh air greidh, Nighean Mùilleir gam bi min, Triùir is meamnaich air bith. Agus cha ’n ’eil fios agam nach feudainn Pìobaire spreigeil air banais chridheil a chuir sa chuideachd. A’bheil thu fein, Fhionnlaidh, agus do chuideachd gu sunndach? Pìob. Tha sinn mar dh’ fheudas sinn, ’s cha’n’eil an righ fein mar bu mhaith leis. Broc. Cha’n fhiosraich mi gu bheil fàth gearain aig an righ againne, sgiobair mòr na dùthcha; ach ma tha na paipeirean-naigheachd ag innse na fìrinn tha righ bochd na Fràinge an déigh a chearcall màis a thilgeadh; ach cha’n’eil teagamh nach d’ thoirear oidheirp air a chuir fhathast na ’ghreim. Pìob. Tha’m Maighstir-sgoil’ ag ràdh gu bheil sin eacomasach. Broc. Ge math am Maighstir-sgoile feudaidh e bhi am mearachd, ach cha bhreugaichear an sean-fhocal a thuirt, [TD 108] Nam faighte ceud sagart gun bhi sanntach, Ceud tàilleir gun bhi sunndach, Ceud Greusaich gun bhi breugach, Ceud Figheadair gun bhi bradach, Ceud gobhainn gun bhi pàiteach, Agus ceud Cailleach nach robh riamh air chéilidh, Chuireadh iad an crùn air righ gun aon bhuille. Ach ciod a th’ againne r’a dheanamh le righribh, Is coma leis an righ Eobhann, Agus’s coma le Eobhann co dhiubh. Ciod so a tha thu fein a’ deanamh an so le d’ mhinidh agus le d’ bhuaicein-iall? An do sgàin màla do phìoba? Pìob. Cha do sgàin, ach sgàin brogan mo mhnatha; agus tha mi ann an so a’cur fraochan oirre. Nam biodh bean is clann agads’ Eoghainn, cha bhiodh tu co uallach eatrom ’sa tha thu, le d’dhuanagan agus le d’ shean-fhocail. Broc. ’S ann agam tha fhios; gu meal thus’ Fhionnlaidh do bhean ’s do phàisdean, ach cha ’n eil mo shùil annta. An cual’ thu’n t-òran, Na fleasgaichean biodh aighearach, Na fleasgaichean biodh ceòlmhor; ’S bi’dh drip a’s donas agus dris, ’Cur ris na daoine pòsda. Pìob. Deireadh nan seachd sathairn ort, a bhéisd, is fad’ a ghabh uainne donas agus dris. Is tus agus do leithid tha san dris air nach cinn blàth. A’d’sgaomaire bochd seisg, a’ siubhal o bhaile gu baile le d’ chuilbhear fada caol air do ghualainn, agus donnalaich nan con a’d chluasaibh, gun fhios ciod an t-aon toil-inntinn a th’ agad. Broc. Co dhiùbh is binne donnalaich nan con sa mhaduinn, a’ togradh gu creag nam faobh, no burralaich nam pàisdean ag iarraidh am brochain; agus a thaobh mo chuilbheir fada caol, cha chuir i fein agus mis a mach air a chéile, cha robh cànran teallaich riamh eadaruinn, m’eudail! ’s ann aice nach biodh am focal mu dheireadh; is uallach a shiùbhlas mi’m monadh leatha, a gabhail mo dhuanaig. Horo mo chuid chuideachd thu, Gur muladach leam uam thu, Horo mo chuid chuideachd tbu, ’S mi dìreadh bheann a’s uchdanan, B’ait leam thu bhi cuide rium, ’S do chudthrom air mo ghualainn. Pìob. Tog dheth, Eoghainn. An ann a’ coimeas do ghunna grannda meirgeach agus do chuid con ri m’mhnaoi agus ri m’ phàistean lurach a tha thu? Marbhaisg air an olc, na cluinneam a leithid. Broc. Cha chluinn, cha chluinn. Gun teagamh sam bith, is binne sglàmhruinn àrd do mhnâ sa mhaduinn, no langan an fhéidh sa chreachainn; ach ’so i tighinn, Màiri bhàn òg, an òigh th’ air t-aire, tha uam dol na còmhdhail. Ho mo Mhàiri laoghach, ’S tu mo Mhàiri ghrinn, &c. Fàilt air bean a Phìobaire, le cliabhan beag agus le gràpa dol a thogail a bhuntàta. A’bheil sibh, le’r cead, a Mhàiri ’nar slainte air an fheasgar bhòidheach so? Màiri. Am bi thu glic bu bràth, c’uin a sguireas tu de d’sgeig agus de d’ orain? Broc. Innsidh mise sin duit, ’nuair a gheibh mi bean a’s pàistean. An sin suidhidh mi mach aig ceann an tighe, a’ càramh bhròg, cho soirbh ri each gallda, agus cairt slaoda ris; gun fhocal as mo bheul, ach cho trom-cheannach stuama ris a bhodach chrom a th’ anns a ghealaich, no Fionnladh [TD 109] agad fein an sud a’ càramh do sheana bhròg. ’S fhada m’an cluinn thu luinneag no òran uaith-san, ach ag osnaich mar dhuin’ air chàrn; cha’n ionann is mise. Cha’n’eil baile beag am bi mi, Nach toir mi greis ann a’ cur mo sgìos diom, Bheir mi làmh air mo leabhar rìomhach, A ghabhail dhuanag, ’sa bhuaireadh nìonag. Màiri. Is oil leam nach d’fhuair thu té dhiubh a chìreadh do cheann brocach dhuit; cha ’n ’eil m’ Fhionnladh fein muladach no trom-chridheach, ge nach bi e ri gleadhraich òran agus amaideachd mar bhios tusa, Nach i so an fhirinn, Fhionnlaidh, eudail? Pìob. Nach gòrach thu Mhàiri, c’ar son a bheireadh tu feart air a Bhrocair; ge mòr a sgeig an aghaidh pòsaidh, is minic a dhiomail an ceannaich, am bathar bu mhaith leis a bhi na mhàileid; agus is minic a rinn neach dochoir air fein a’ buain nan àirneagan searbh, is e a’ saltairt air na cìribh meala. Broc. Cìribh meala! ’Se so am pòsadh m’as fior; bitheadh e mar sin, ach ’s fhada o’n a chuala mi, Ge milis a mhil, cò a dh’ imlicheadh bhàr na drise i? Màiri. O’n a tha thu tighinn air na sean-fhocail, an cual’ thu riamh Gur sona gach cuid an comaidh, ’s mairg a lonnar na aonar.— Broc. ’S mi chualadh, ach an cuala sibhse, Mhàiri, gur trom dithis air an aon mhéis, ’s gun ac’ ach an t-aon ghleus; agus aon fhocal beag eile, agus ’s fior e, Cha robh miann dithis riamh air an aon mhèis. Ciod a ta toirt oirbhse tha pòsda bhi co tìtheach air buarach a phòsaidh a chur air daoin’ eile? Màri. Ciod ach càirdeas; agus deagh-rùn; ach tog de d’chànran, b’fhearr leam sgeul fhaotainn uait. Broc. Dean suidhe’n sin air do chliabhan beag, agus gheibh thu sin. Bha sud ann uair-éiginn de’n t-saoghal, sionnach gleusta, agus chaidh e mach oidhche de na h-oidhchean a ruagadh nan uan mar a b’àbhuist dà; agus mar bha mi-shealbh an dàn da, caillear iorball dosach ruadh ann an rib a shuidhicheadh chum a ghlacaidh. Cha robh comas air. Là no dhà an déigh sin, choinnich na sionnaich eile e. Ciod an tubaist a dh’ éirich dhuit, a deir iad, c’àit a’ bheil t-iorball? Tubaist! ars’ esan,—an t-iorball grannda, sgud mi dhiom d’am dheòin e, ciod a’math a bh’ann? Gabhaibh mo chomhairlese, agus deanaibh an ni ceudna; ’s ann gu mòr is fearr a dh’ amhairceas sibh, agus bithidh sibh co sgiobalta, uallach, seach mar tha sibh. A’bheil thu ga m’thuigsinn Fhionnlaidh? Pìob. Tha, feuch a’ bheil coimeas eil’ agad? Broc. Bha mi’n sud uair sa Bhaile mhòr agus chunnaic mi priosunaich thruagh, mar shaoil mise, a stigh fo ghlais, le’n srònaibh a mach eadar na tarsannain iaruinn a bha ’s na h-uinneagaibh. A’bheil sibh seasgair an sin ’Illean, a deir mise? ’Sinn a tha, ars’ iadsan, agus gu bheil sàr chothrom againn air mòr àbhachd san àite so, thig thus a stigh maille ruinn. A’bheil thu ga thuigsinn so Fhionnlaidh? Pìob. ’S mi tha, bhi amhluidh. Miann an duine lochdaich, càch uile a bhi amhluidh; a’bheil tuill’ agad ri ràdh! Bheir mi dhuit leth-bhodach, agus thoir dhuinn coimeas eile; chi mi gu bheil iad a’ taitneadh ri Màiri. Màiri. Ma ta gu déarbh cha’n ’eil; bithidh mi gur fàgail. [TD 110] Broc. Air t-athais a Mhàiri, Bha mi’n sud latha shios ri taobh na fairge, far an robh balachain bheag a’ dol a mach air snàmh. Bha’n là gu math fuar, agus bha leisg air cuid diubh dol a mach. A’ bheil e fuar, ars’ iads’ a bh’ air tìr? Fuar! cha’n ’eil, tha e mar bhainne blà na buaile, deir esan bha air snàmh agus fiaclan a gharthaich a’ snagartaich leis an fhuachd. A’ bheil tha ga m’ thuigsinn a Mhàiri? Màiri. Bi bruidhinn—théid mis’ a thogail a bhuntàta, ach ge don’ thu na falbh gus an till mi. Pìob. Chuir thu’n teicheadh air Màiri, ach o’n a thuit duinn tighinn thairis air a leithid so de chainnt, chuala mi gun robh sùil agad ris a chaile Ghallda tha san tigh-mhòr. Mhothaich mi, air leam, cuicheanachd eadaraibh an là roimhe. Cha d’innis mi do Mhàiri e, no chluinneadh tus’ e’n diugh air a chluais bu bhuidhre. Broc. An i so an té tha iad a’ samhlachadh rium an trà so? B’ fhada o chéile crodh laoigh air dà shean-athar. Tha chaile chòir maith gu leòir, ach nan rachainn a dh’ iarraidh mnatha cha b’ ann ga ’dùthaich-sa. ’S miann le triuthas a bhi measg aodaich, Is miann leam fhein a bhi measg mo dhaoine. Pìob. Tha mi ged thuigsinn, Tha car eile an adharc an daimh. Broc. Car ann no as, cha d-thusa mo shagart, cha dean mi m’ fhaosaid riut; ach da rìreadh ’se pòsadh is lugha th’ air m’ aire. Tha amadain gu leòir ann ged dh’ fhuirinnse air m’ais. Nach eil pòsainean gòrach an déigh bochduinn a thoirt air Gaeltachd na h-Alba? Na h-uile proitseach balaich a shaoileas gu bheil e ann an gaol air guanaig air am fàs e eolach air féill no banais, cha’n fhoghainn leo ach pòsadh, gun àit an d’thoir iad an cinn. Côrdadh aca, m’as fior, ’s gun uiread na circe no choilich aca, gun tighinn air crodh no caoraich. Cuirear a bhanais ’an sin air bonn, Cò ach iadsan? rìomhadh as gach bùth, ach m’as e fiach a bhuideil e, (’se b’àill leam a râdh am pige beag ruadh, oir chaidh am buideal còir a fasan) cha’n’eil aca na gheibh e, ach an dàil; gun chuimhne gu’n tig dàil gu dorus. Coma co dhiubh, thainig là na bainnse. H-ùg air an dannsa! h-ùg air an òl! h-ùg air na h-òrain. Cò ach iadsan? Stràichdeag ’sa sròn ri h-adhar, le gùn sìoda’s le riobainean rìomhach. Esan am burraidh! a’ breabadh nan cas, ’s a’ cur nan car dheth. Làmhuinnean geala, an ainm an àidh, air a chrògan grannda. Fuirghibh thall, ’se fein an gille! H-ùg so fheara, ars’ esan, suas e! Ach coma leat, thig an spagluinn so gu làr, ’Nuair thig am bothan le chraos càm, Am màl, a chlann, ’s an ceannach orr’. C’àit an sin am bi iad? Guanag mo ghaoil na luid bhochd, gun sgrid gun sgairt, Sin mar bhitheas an òinseach thruagh, Le curraichdean àrd ’s le caillico, Ni’m pòsadh bochd an toirt gu làr, Mar shneachda bàn na gaillinne. Cha’n’eil comas air, am fear nach amhairc roimhe, amhaircidh e na dhéigh. ’S eiginn a nis am bothan a thogail air cnochd an acrais, no am baile mòr thoirt orra far nach dùraig mi an leantuinn. Nach gast’ Fhionnlaidh an ni am pòsadh? C’âit am faigh thu dhomhsa bean fhasanda? té aig am bi beurla, bann-dannsair sgiolta, cò dhiubh [TD 111] ni no nach dean i sniomh no calanas. Mar bi sgillinn ruadh aice ’s ann is fasand i. Ma tha aic an tochradh tha falbh fòghnaidh e dhomhsa, ’se sin, an gùn sìoda ’s an ad chonnlaich, ’s an t-Shawl rìomhach, ’s an umbrella bhòidheach, na brògan aodaich agus cliabh beag nan cnàmh, a theannaicheas an cneas co dlù ’s nach urrainn iad bar-iall am bròg a dhùnadh, no bonn òir a thogail o’n làr ged a gheibheadh iad e air son an saoithreach. Sin agad, Fhionnlaidh a chaileag fhasanda, faigh dhomhsa té dhiubh sin, agus ni mise banais ghleadhrach aighearach a chumas am feadan a’ d’ phluic fad seachduin. Pìob. Ma ta ged is ann ri feala-dhà a tha thu, tha mòran de’n fhìrinn agad. Broc. Smior na fìrinn. Tha mis ag ràdh riut, gu’m bu chòir reachd rioghachd a dheanamh an aghaidh nam posaidhnean amaideach. ’Ne mis’ Fhionnlaidh, a rachadh a phòsadh, agus mo mhathair bhochd dhàll agam ri cumail suas? Cha chuir mis ’an comas té eile a radh rithe tha thu’n rathad na cloinne no’n solus nan eun. Pìob. Mo bheannachd oirre ged nach h-ann domh-sa bu chòir a radh, nach dubhairt riamh ris an té nach maireann gu’m b’olc. Broc. Tha mi ged làn chreidsinn, ach cha’n’eil Màiri agadsa ri fhaotainn air taobh gach cnoic. Gur ro-bhitheant’ a chi mi an t-atharrachadh a’ tachairt; agus is fada o’n a chuala mi, Is maith a mhàthair chéile am fòid; agus ruigeadh e mo chridhe aon bhean a rugadh riamh a bhi labhairt gu sgaiteach ri m’ mhàthair bhochd. Tha mnathan maith ann, gun teagamh, ach tha droch mhnathan ann mar an ceudna, agus mar thubhairt an sean-fhocal, Is diù teine fearn’ ùr, Is diù an duine mì-rùn, Is diù dibhe fion-geur, Ach ’s e diù an domhain uile droch bhean. Pìob. Gun teagamh ’s i; ach ’s i léug is priseile a fhuaras riamh deagh bhean. An cluinn thu mi ’Ghoistidh, tha treis a nis o phòsadh mi, ach feudaidh mi le focal na fìrinn a ràdh nach do ghabh mi riamh aithreachas. Cha ’n ’eil sonas eile air aghaidh an t-saoghail so cosmhuil ris an toilinntinn sin a tha ’g éiridh o chéilidh dhìleis phòsda, tha toigheach do dhuine, mar anam fein, té ris am feud e rùn a chridhe fhosgladh, gun eagal gun sgàth, gun chleth air ni. Broc. Na pàisdean! Fhionnlaidh, na pàistean! Pìob. Ni maith a bheannachadh mo mhàgarain ghaolach. An aon stòras is prìseile bha riamh aig duine bochd. Cha do chuir ni maith riamh beul chum an t-saoghail gun a chuid fa chomhair, agus is mis a dh’fhiosraich. Amhairc orra, mo chròilein gaolach, nach laoghach iad a mach a’ trusadh a bhuntàta le’m màthair? Cò is urrainn a ràdh, nach bi cuid de na balachain sin nan daoine measail fhathast, agus na caileagan beaga sin nam beannachadh co mòr de chuid-éiginn sa tha am màthair bhochd dhomhsa. Broc. Chuir thu stad air mo bhòilich; tha do phàistean bòidhean a’tighinn air an adhart, agus am freasdal a shoirbheachadh leo: is iomad iad a tha ’n diugh nan luchd fearainn is co beag a shaoil e. Pìob. Ma ta ged a bhiodh iad [TD 112] mar sin fein, cha d’thoir iad dhomhsa gu bràth am barrachd sòlais na tha iad a toirt an diugh, le’m briagail bhig mhilis; ach cha’n fhad is urrainn duinn fuireach le chéile. Ciod is urrainn doibh a dheanamh san dùthaich bhochd so le fuireach innte. Broc. Chuala mi gun robh thu brăth Lachlann a chur ri ceaird. Pìob. Gun teagamh ’se sin mo mhiann; oir ciod is fiù duine gun cheird; na thràill bhochd, an eisimeil gach duine; ach feuchaidh mi sa cheud dol a mach ri deagh sgoil a thoirt doibh. Tha iad fein teom air a togail, ’s tha’n cothrom aca. Ged a reicinn mo phìob, ’s mo léine leatha, cumaidh mi san sgoil iad. Chuireadh e iongantas ort am fear beag ud leis an éile bheag uaine éisdeachd a’ leughadh; an aon bhalachan is tapaidh a chunnaic thu riamh. Broc. Chuala mi gun robh thu dol a dheanamh pìobaire dheth. Pìob. Ma ta, cha’n’eil, tha là na pìobaireachd seachad. Tha na tighearnan mòra suarach uimpe. Tha’m bladaire ronnach is mò san dùthaich co taitneach leo ri Mac Cruimein. Cha bu mhiste leam gu dearbh ged a b’ urrainn doibh cuairt a’ chluich. Is minic a thug ceòl faothachadh do m’ chridhe fein. Tha mise ’g ràdh riut Eoghainn, gu bheil cuairt cheolmhor air feasgar tlàth ri’ taobh na h-aibhne sin shìos do m’ anamsa, mar aiteal an earraich do’n euslainteach bhochd; mar chiùran uisge, no mar dhrùchd an anamoich do na lusaibh maoth. Cha luaithe thogas mi fàilt’ a Phrionns’ òig, no baile Dhuneidean, na thig taisleach air mo chridhe; tha ’n òig a’ tighinn air a h-ais le cuimhne nam cairdean caomh a dh’fhalbh. Cha mhò orm an saoghal air na h-àmanna sin no an cluaran a tha falbh leis an oiteig. Tha mi air mo thogail mar fhiadh sa chreachainn; ach cha’n’eil togradh a’m’ chridhe, ach togradh gu càirdeas agus gniomhara fiughantach. Cha’n aighear e, agus cha bhròn e, ach mo bheannachd air, is iomad là a sheas e mi. Broc. Mo bheannachd ort; is thoir dhuinn aon chuairt; théid mise sios a chuideachadh Màiri leis a chliabh bhuntàta, agus thoir thus a mach a Phìob, Pìob. Mata ni mi sin, na’n cuirinn aon ghreim am bròig Lachluinn bhig. T. O. MU’N CHRUINNE. THA an soghal so, eadar thalamh agus uisge, air chumadh cruinn mar pheileir, no mar bhall mòr, agus uime sin theirear an Cruinne ris. Tha e air a dhearbhadh gur h-e so a’s cumadh do’n t-saoghal, leis gu’n do sheòl ioma maraiche mu’n cuairt da, o’n àird an Iar gus an àird an Ear. A bharrachd, ma sheòlas long a ionad air bith de’n t-saoghal, agus ge bith cùrs’ a ghabhas i, chì a mhuinntir a bhios air bòrd oirre na cuspairean-tìre a’s àirde, ar a ta baideil, agus monaighead àrda, a’ dol as an t-sealladh uigh air ʼn uigh; agus a mhuinntir a bhios air tìr, chì iad crainn na luinge an déigh do a corp dol as an t-sealladh, agus is e’s aobhar do’n dà ni so, am bodha a tha air aghaidh a chuain. Ged a shaoilteadh nach urrainn an talamh a bhi cruinn mar pheileir, leis na tha de ghlinn ’s do [TD 113] chnoic air ’aodunn, gidheadh, cha’n’eil iad sin ni’s mò, ann an coimeas ris a chruinne, na na lagain agus na meallain a ta air plaosg* ôirins, ann an coimeas ri mèudachd an òirins e féin. Tha an talamh aig iathadh mu’n cuairt, air a dheil féin, uair ’s na ceithir uairean fichead, agus ’se so a’s aobhar gu’n saoil sinn gu bheil a ghrian agus na réultan a dol mu’n cuairt anns an spéur. ’Se iathadh so an talmhainn timchioll a dheile fein, a tha deanamh an latha agus na h-oidhche. Am feadh ’s a ta an latha aig an dara leth do ’n t-saoghal, tha an oidhche aig an leth eile dheth. A bharrachd air iathadh so an t-saoghail timchioll a dhéile fein, tha e a’ deanamh cuairt, gach bliadhna timchioll na gréine. A deanamh na cuairte so, tha e a’ gabhail mu thri cheud agus tri fichead agus cùig latha agus sèa uairean. ’Se siubhal so an t-saoghail timchioll na gréine, a tha ri aimsirean no ràidhean na bliadhna, mar a ta ’n t-earrach, an samhradh, am foghar, agus an geamhradh. Ri linn a bhi ri cuairt mar so timchioll na gréine cha’n’eil an saoghal daonnan a cumail an aon astair o’n ghréin. Tha a ghrian ni’s dlùithe air an talamh ’s a gheamhradh na tha i ’san t-samhradh, ged nach saoileamaid e, agus ged a tha an aimsir ni’s fuaire agus ni’s gairge. ’Sè ’s aobhar dha so, gu bheil gathan na gréine ’sa gheamhradh a bualadh gu fiar air an talamh, agus uime sin cha’n’eil an teas no an tlus cho mòr ’sa bhiodh e na’m biodh iad ’ga bhualadh gu dìreach; ach anns an t-samhradh, tha na gathan-gréine a’ teachd oirnn gu dìreach, agus uime sin tha iad a meudachadh tlus agus teas. A. B. R. LAOIDH. GENESIS v. 24. O! Airson gluasd’ ni’s dlùithe ri Dia, ’Us inntinn nèamhuidh bhuan, Solus gu dealradh air an t-shligh’ Tha seòladh chum an Uain! O! C’àit a’ bheil an t’-aoibhneas mòr, Fhuair mi air tùs, ’s an Triath; An sòlas anam’ a dh’ ùraich mi, ’Nuair dhearc mo shùil, air Criosd? B’aoibhneach na h-àmannaibh a dh’ fhalbh Tha sealbh nan cuimhne ’n tràths’; Cha lìon an saoghal suas mo chàll; Tha m’anam fann ’us fàs. O! Pill a Cholumain naoimhe! Pill! ’Theachdair na sìth! pill rium, ’S fuath leam gach ni chuir doileas ort ’Sa dh’ fhuadaich Thusa uam. An iodhal is ionmhuinne le m’ shùil, ’S is dlùith’ tha fuaidht’ ri m’ chrìdh, Thoir neart dhomh chum ’s gu spìonam sìos ’S gu’n crùnainn Thus’ na d’ Righ. Mar so bith’ m’ghluas’ni’s dlùithe ri Dia, Us m’ inntinn nèamhuidh buan: A Ghrian nì’s Soilleir air an t-shligh’ Ga m’ sheòladh chum an Uain. Ead: leis an EILEANACH. Sean Eachdruidh na Gaeltachd, MU CHOLLA CIOTACH. B’AINMEIL an duine so la ga’n robh e. Anns an eachdruidh a thug sinn air a mhac Alastair Mac Cholla, dh’innis sinn gu’m b’ ann o theaghlach Iarl Antruim an Eirinn a thainig na daoine so. ’Se cheud iomradh tha againn air Colla eachdruidh na Gaeldachd, * Orange. [TD 114] e thighinn thairis a h-Eirinn le àireamh dhaoine a dh’éirich leis; agus leis an laimh laidir fhuair e seilbh air Eilean Cholansa, as an d’fhògair e Clann-a Phì, aig an robh còir air an Eilean so rè ùine mhòr roimhe sin. Bha Colla na churaidh ainmeil ann an cogadh na h-Eirinn; agus an uair a thainig Alastair a mhac a nall a chòmhnadh le Montròs, as leth righ Tearlach, bha Colla leo anns gach blàr a chuir iad. ’Se nàmhuid bu sgriosaile thainig riamh air dùthaich Mhic Chailean. Theirear uime, leis an lom-sgrios a thug e air an tìr sin, nach robh smùid ri fhaicinn, no glaodh coilich r’a chluinntinn, mar fhichead mìle do Bhail’ Inbheraoradh. Cha robh san arm air fad fear cuspaireachd co maith ris, na h-aon a ghabhadh cuimse co cinnteach, le cuilbhear caol Spainndeach, a b’àbhuist da ghiùlan air a ghualainn. Thachair dha bhi dol seachad air lochan beag an Ladharn-uachdrach, anns an robh eilean far an robh am Baran Mac Còrcadail a chòmhnuidh. Loisg am Baran urchair air Colla ga chuir gu dùlan, o mhullach a chaisteil mar bha e dol seachad. Thionndaidh Colla air a shàil, agus a’ gabhail cuims’ air a Bharan, thuirt e “a Bharain bhig leibidich uibhir, ata mi ’g iarruidh maitheanas a chionn nach d’thug mi urram dhuit san dol seachad, ach so dhuit, ’se losgadh air, “na gheibh dhuit deagh chadal na h-oidhche.” Ge b’fhad an t-asdar, bha chuimse cinnteach, thuit Mac Còrcadail; agus chìtear gus an là an diugh an càrn air an do sheas Colla. ’Nuair a bha Colla a’losgadh, agus a’ togail chreach air feadh Earra-ghael, ghlac e Caisteal Dhùntreòin, far an d’fhàg e cuid da dhaoine, am feadh a chaidh e fein a nunn do Ila. Thainig na Caimbeulaich gun fhios air a chuid daoine, agus ghlacar Dùntreòin air ais, le innleachd sheòlta leis an do mheall iad Cloinn Dòmhnuill. Bha Pìobaire Cholla na phrìosanach sa Chaisteal, agus air dha bhi là a spaisdearachd air barra-bhalladh an tùir, mhothaich e Birlinn Cholla a’tighinn fo shiùil ’s fo ràimh; shéid e phìob a thuig Colla, ’sa chuir na earalas e. Tha ’m port air aithris gus an là an diugh, A Cholla mo rùin, seachainn an tùr, Tha mis’ an làimh, tha mis’ an làimh. A Cholla mo ghaoil, seachainn an caol, Tha mis’ an làimh, tha mis’ an làimh. Thuig Colla an sanus a thug a Phìob dha, agus phill e air ais, do Dhùn-naomhaig, daingneach laidir ann an Ila, a bhuineadh do Chloinn Dòmhnuill. An déigh mort Dhunàbhairti, m’an d’innis sinn san Teachdaire roimhe, chaidh Lesli agus Mac Cailean a nunn do Ila, agus cuairtichear Dùn-naomhaig leis an fheachd mhòr a bha leo. An déigh comhstrigh, dh’aontaich Colla striochdadh air chùmhnanta, ris an do chòird Leslie, agus Mac Cailean, ach fhad ’sa bha iad a’ tarraing a mach nan cùmhnantan strìochdaidh, agus dùil aig Colla gun robh gach cùis socraichte, thainig e mach as an Dùn a chainnt ri Mac-Aonghais an Dùin* duine d’an robh mòran spéis aige; ach cha luaithe bha e’n comas Leslie na rinn e prìosanach dheth, an aghaidh onoir, agus an còrdadh a rinn e. Fhuair Dòmhnull Gorm agus na h-Oifigich eile bha leis an saorsadh, agus dh’fhògradh na Saighdearan as an rioghachd. Leis na bha do chogadh ’s do chreachadh san àm so an Ila, agus na bha dh’arm le Leslie, mhilleadh gu buileach e le Mac Mhic Ailean, agus le * Dunstaffnage. [TD 115] Aonghas mac Cholla Chiotaich, a thug sgrios air an dùthaich, a bhuineadh a nis do thighearna Chaladair. Bha’n éucail a bha san Eilean co claoidhteach, ’s gu’m b’eiginn d’a luchd-àiteachaidh fhàgail, cuid diubh do dh’ Eirinn, agus do na h-Eileanaibh eile mu thimchioll. Thugadh Colla do Dhùnstainis far an do ghleidheadh e na phrìosanach, ach far an d’fhiosraich e gach caoimhneas a b’urrainn deagh Mhac Aonghais an Dùin a nochdadh. Thug e cead da imeachd m’an cuairt, ach chuala Mac Cailean so, agus air do Mhac Aonghais a bhi’n Inbheraoradh, dh’ fheòraich Mac Cailean deth an robh Colla aige fu gheimhlibh, thuirt e gun robh. Mhionnaich Mac Cailean nam faigheadh e mach gun robh Colla air comas a choise, gun dìoladh Mac Aonghais air agus chaidh duine a chur a dh’ fhiosrachadh m’an chùis. Thug Mac Aonghais sanas d’a chomhdhalta bha leis e ghrad fhalbh agus lom gach athghoirid a ghabhail, agus a bhi air thoiseach air an fhear eile, ni a rinn e, ’s a nuair a thainig e mar fhad glaoidh do’n Chaisteil dh’éigh e mach “Colla fo gheimhlibh, Colla fo gheimhlibh,” agus b’e Colla fein, a bha muigh an déigh nam buanaichean, a cheud fhear a chual’ an glaodh. Thuig e mar bha, agus ghrad thug e a phrìosun air, agus le laimh fein chuir e na geimhlean air. Cha b’fhad an déigh sin gus an deachaidh samhladh deuchainn a chur air an làthair Siorram Earraghael; breitheamh o’n ainmig a fhuair fear dol as. Bha Mac Mhic Eeghainn, Airdghabhar na fhear de’n luchd-deuchainn, agus dh’fheòraich e de Cholla an robh e aig blàr Inbherlòchaidh, Air mo bhaistidh a bhodaich gun robh, arsa Colla, agus gun d’rinn mi barrachd sgath san teagbhuil na rinn thu fein. Thugadh binn a bhàis amach, agus chrochadh e ri crann a bhirlinne fein, a chuir iad eadar da chraig. Chaidh e gu bàs gun tiomadh gun déistinn, ag asluchadh gu’m biodh a chorp air a chur co dlù do’n àite san rachadh Mac Aonghais, ’s gu’m feudadh iad snaoisein a ghabhail o chéile anns an uaigh. An déigh do Leslie agus do Mac Cailean Dùnnaomhaig a ghlacadh, chaidh iad o Eilean gu Eilean gus an d’ràinig iad Muile. Bha Mac ’Ille’an san àm sin a thàmh an Caisteal Arois. Striochd Mac’Ill’ean dhoibh, thug e suas gach Caisteal agus Daingneach a bh’aige, agus a mhac ’an geall. Bha air an àm so maille ri Mac ’Iil’ean ceithir fir dheug, de dh’ òganaich eireachdail a h-Eirinn, a bha dìleas da, ach bhrath e gu maslach seachad iad, agus chaidh an crochadh le Leslie ri stachd Craige dlù do Chaisteal Arois, ris an abrar gus an là an diugh, Creag nan Eireannach. O Aros chaidh Leslie agus am feachd do Mhingaraidh, agus do Chaisteal-tioram a ghlac iad. Na dhéigh sin thill Leslie agus a chuid daoine do’n Ghalldachd. Bu chianail staid na Gaeltachd san àm sin. Cò is urrainn smuainteachadh orra gun bhi taingeil air son an atharrachadh bheannaicht’ a thainig orra r’ar lìnn fein? T. O, Sgeula Fìor. A Theachdaire phrìseil, Nach iongantach an naigheachd a chualas o cheann ghoirid? ’se sin anns a cheart uair sin aig Algiers, anns an robh aon de uachdarain na tìre toirt suas a [TD 116] chumhachd agus a cheannais do righ na Frainge, gun robh a cheart righ sin a’ teicheadh air falbh as a rioghachd fein, gun chumhachd gun ùghdarras! no mar thachair dhoibh, mar thuirt Dughall Buchannain, ann an Laoidh là a Bhreitheanais. Eiridh na righrean ’s daoine mòr, Gun smachd gu’n òrdugh ann’nan làimh. Nach fhaic sibh mar tha na h-uile ni deanamh cabhaig ann an eachdraidh chlann nan daoine; mar tha na h-uile ni talmhaidh neo-sheasmhach. Nach faoin a bhi cur earbs’ ann an gairdean feòla? nach faoin a bhi cur dòchas an righribh, ’s am prionnsaibh? ’S fearr na bhi ’g earbs’ a duine beo, Ar dòchas chur an Dia: ’S fearr na bhi’g earbs’a prionnsaibh mòr, Ar dòchas chur san Triath. Salm. Cionnas? A chionn gur ann aig Dia tha’n cumhachd; agus a rioghachd-san cha bhi gu bràth air a gluasad; agus iadsan uile a bhuineas d’i, bithidh iad gu siorruidh sàbhailte. Cluinneamaid air an làimh eile, an sgeula beag so a leanas, anns am faicear tearuinteachd an neach a chuireas a dhòchas ann an Dia. Thachair e an déigh do lànan cràbhach àraidh dol o bhun Ghlinn-lìobhann, a dh’ ionnsuidh Comunach Chìll-fhinn, gu’n deach leanabh beag a dh’ fhag iad nan déigh air faondra. Dh’ iunndraineadh air ball e leosan a dh’ fhan aig baile. Shir iad air a shon anns gach àite, ach cha d’ fhuair iad e. An sin chunnaic iad iomchuidh fios a chur air falbh a dh’ innseadh do phârandaibh an leinibh mar thachair. Rainig an teachdaire taobh a muigh an t-sluaigh a bha sa chladh air an t-sàbaid; agus air dha sealltainn m’an cuairt, chunnaic e athair an leinibh, agus sméid e air. Dh’ innis e dha mar thachair. Sméid an duine air a mhnaoi, a thainig far an robh e; agus chuir e fa’ comhair gun rachadh iad dachaidh gun dàil. ’Se fhreagair a bhean, le mòr dhiadhachd, agus stòldachd, Cha d’ théid mise dhachaidh, deir ise, ’se so là mòr na féisde; agus chuir mise mo theaghlach agus gach ni a bhuineadh dhomh air cùram a Bhuachaille mhòir, m’an d’ fhalbh mi o’n tigh. An sin thuirt an duine, ma bha ise deònach fuireach, gu’m fanadh esan mar an ceudna. Chaidh an gille a mhàin air ais; agus mu leth rathaid choinnich teachdaire eile e a bha teachd a dh’ innse gu’n d’ fhuaras an leanabh: thug e’n aire do’n cheum a ghabh a phàrantan ’nuair a dh’ fhalbh iad, agus fhuaras e air dol air seachran san eachlaidh cheudna. Chaidh a cheud teachdaire air ais gu grad, a thoirt an fhios aoibhneach so d’a phàrantaibh. Mar so air a cheart là sin fein, bhuain am boirionnach toradh a h-earbs’ agus a creidimh: agus dhearbh i ’na faireachduinn fein, an ni a thaic i ris a Bhuachaille mhòr, nach leigeadh e air chor air bith a bhi caillte. Nach b’ éibhneach, feudaidh sinn a smuaineachadh, a sheinneadh iad ’nan cridhe air an là sin, a’suidhe sìos aig a bhord, Creud dh’ ìocas mi do Dhia air son, Na rinn e dhomh de mhaith? Cupan na slainte glacar leam, Air ainm Dhe gaiream fein. Is mi a Theachdaire phrìseil, ur caraid ùmhail. SEUMAS. [TD 117] A mhaighdionn àillidh ’s eòl do’n bhàrd. Le fiamh a gàire, a’ mòrachd gràidh, O ’s àillidh mhaighdionn ’s eòl do’n bhàrd! Innseam, le bilibh naomh, co’n lamh Dhealras, le iul, na dealbh àigh— Thug fiamh a ghàir, a mòrachd gràidh, Do’n mhaighdionn àillidh ’s eòl do’n bhàrd! Co las, mar fhlaitheas, soills a sùl, Tha dealrach gorm—tha bòidheach ciùin? An Ti a lùb thar muir ’s thar Cé, Ard sgàile gorm-shoillseach nan neamh! ’Se las mar fhlaitheas, soills a sùl, Tha dealrach gorm; tha bòidheach ciùin! Co sgaoil le iùl nach d’fhàillnich buaidh An geal ’s an dearg tha beo na gruaidh? An Ti thug bladh do Lios nan geug, A sgiamhaich’ nial fo dhriùchd nan speur! Se sgaoil le iùl nach d fhàillnich buaidh An geal ’s an dearg tha beo na gruaidh! Co dhealbh a beulan éibhinn blàth, Saibhis le mìlsead is le gràdh? An Ti thug sian a’s miann le sluagh, Do’n t-shiris thlàth a’s àillidh snuadh! ’Se dhealbh a beulan éibhinn blàth, Saibhir le mìlsead is le gràdh! Co chuir mìn-chul a’s lionar dual, Mar shiod air snàmh, mu bràigh cluain? An Ti chuir osag shèimh an iar, A luaisgeas maoth-cheann òir nan dias! Se chuir mìn-chul as lionar dual, Mar shiod air snàmh, mu bràigh cluain, Co dhealbh a bràigh cuimir, àrd, Air am faicear éibhneis na òr-thàmh? ’N Ti thionndaidh àillidh, àrd-gheal, cruinn Sàr uchd na h-eala air bhàrr tuinn! Co dhealbh a bràigh, cuimir, àrd, Air am faicear éibhneas na òr-thàmh? Co dhealbh le ealdhain àrd nan spéur, A slios caol grinn, tha riomhach réidh? ’N Ti bhaoisg o inntinn iomlan fein, Gach àill air talamh is air neamh! Se dhealbh le ealdhain àrd nan speur, A slios caol, grinn, tha rìomhach réidh! Co ghleus gu ceòl’na còmhradh tlàth, A guth tha sòlasach gach là? ’N Ti thug do’n uiseig, ’s binn air sgéith, ’S do’n smèorach bhòidheach cheòlmhor òran ’s teud! Se ghleus gu ceòl na còmhradh tlàth, A guth tha sòlasach gach là! Co las a h-inntinn phrìseil, àigh, Tha caoimhneil ciùin—tha iùlmhor, àrd? ’N Ti ’ rinn gach miorbhuil tha fo’n ghréin, ’S na h-aingeil bheannuicht, clann nan speur! ’Se las a h-inntinn phrìseil, àigh, Tha caoimhneil ciùin—tha iùlmhor àrd! O glòir o’m chridhe làn, ’s o m’bheul, Do dh’iùl’s do làimh a Chruithear thréin! Nuair chrùn e àilleachd leis gach buaidh! Nach d’fhuaras riamh mi fann no fuar! O glòir o’m chridhe làn, ’s o’m bheul, Do dh’iùl’s do làmh a Chruitheir thréin! CREAGUANACH, D. C. Eirinn gu Bràth. Thainig dh’ ionnsuidh na tràghad, bochd fhògarrach o Eirinn, An dealt air fhaoin thrusgan luidh trom agus fuar; [TD 118] Bha ma dhuthaich a caoidh, ’se ma dhorchadh nan speuran, Na aonar fo shiontan a’ faontradh ma’n cuairt; Ach air reulla na maidne ghrad bheachdaich a shùilean, ’Si ’g éiridh a suas, os cionn cuain, ma thìr dhùthchais, Far a’m b’àbhaist dha òg fonn òrain a dhùsgadh, A’ seinn gu h-ait eutrom dàn Eirinn gu bràth. O! ’s truagh tha mo chor! ars’ an coigreach sa chridh’ cràidhte Gheibh fiadh ’s madaidh all’ àite fasga gu tàmh; Ach cha’n’eil dhomhsa tearmunn o ghorta is o ghàbhadh, Dathigh is dùthaich, mo chùl riu gu bràth. Gu bràth ann an taice na’m badan gorm blàtha, Far’n do thuinich mo shinnsear cha chaith mi mo làithean, Le fiadh-lusan bòidheach cha chòmhdaich mo chlàrsach, ’S cha tog mi o teudan fonn Eirinn gu bràth. Eirinn, mo dhùthaich! ge tùrsach fo thàir mi, Am aisling do ghnàth bidh mi tàladh ga d’ chòir; Ach ’nuair dhùisgeas mi moch, an tìr choimhich ata mi, A caoidh na’n caomh chàirdean nach faic mi ni’s mò. O! ’s cruaidh an dàm! gun bhi’n àit’ air mo chàradh Far a’m bithinn fu dhìdean—a’n sìth o gach gàbhadh! A’m feasd cha chuir fàilte le gràdh orm mo bhràithrean, Gam’ dhion cuid fhuair bas, ’s na tha làthair ga m’ bhròn. C’àit’ bheil mo bhothan, am fochair nan coilltean, Ghuil m’athair’s mo phiuthar, ’n uair thuit e gu làr, C’àit’ bheil mo mhàthair, a dh’ araich mi’m naoidhean Is c’àit’ bheil mo chéil air ’n robh m’ éadail thar chàch? O! m’anam brònach! rinn sòlas do dhiobairt, Com na chuir thu ùigh ann an dùil bha neo-bhrìoghar Ged shileas mo dheoir mar dhòrtadh na dìle, Cha d’thig mùirn agus mais’ air an ais leo o’n bhàs. Ach gach cuimhneachan truaighe sa’n uair so ga chìosnach’ Aon athchuinge bhàis a’ m’ uchd pràmhail ni tàmh; Eirinn, mo bheannachd tha agad mar dhìleab, Fhearainn mo shinnsearraibh! Eirinn gu bràth! ’Nuair bhios anns a’n uaigh, mo chridh’ fuar ’se gun ghluasad, Innis a’s taitnich! do mhachraichean biodh uaine! ’S do Bhàird, le guth ârd, seinn ri ’n clàrsaichean fuaimneach, Eirinn mo mhùirnein! Eirinn gu bràth! Ead. le MUILEACH. [TD 119] Tha mo Ghaol mar ròs air ghéig. FONN.—My love is like a red, red rose. O, tha mo ghaol mar ròs air ghéig ’S a chéitein chiùbhrach, thlàth; O, tha mo ghaol mar cheol nan téud ’Nuair ’s gléust’ a sheinnear clàr. A réir do bhòidhch’, a chailin òg Tha m’aign’ air tòir do ghràidh; ’S gun lean mo luaidh, a ghaoil, ort buan Gu’m fàs an cuan ’na thràigh. Gu’m fàs an cuan ’na thràigh, a rùin, ’S an drùigh na creagan sios; O, mairidh dhuit mo ghaol, a rùin An fheadh bhios lùth ’nam chliabh. Ged ’s éudar dealachadh an tràths’ Gu bràch gum bi thu’m chuimhn’; Ach ’s éudar dealachadh an tràths’, Tha’m bàta ’n cois na tuinn. O, soruidh slàn leat, seal a ghràidh! Cha mheath mo ghràdh a chaoidh; ’S gun tig mi sgrìob a nall gun dàil, Ged rànadh cuan ’us tuinn. Ged rànadh cuan ’us tuinn, a rùin, ’S ged bhrùchdadh torunn speur, Gun tig mi nall a shealtuinn ort, Thair ghreann nan tonnan sléibh. Thugadh an dàn bòidheach so as an Ailleagan, leabhar beag a chuireadh a mach o cheann ghoirid le Seumas Munro. NAIGHEACHDAN. CHA’N’EIL mòran diubh so a’ falbh. Tha Righ na Fraing a theich, agus a theaghlach ann an Sasunn. Tha sàmhchair agus sìth san Fhraing, agus cha’n’eil a bheag de choltas cogaidh eadar iad fein agus rioghachdan eile. Tha’m foghar’ fad air deireadh. Tha’n aimsir anabarrach fliuch, dòbhaidh; ach cha’n’eil a mhin cho daor ’sa bha i o cheann càraid mhìos, agus tha dòchas againn leis a phailteas a tha san dùthaich, nach tog i ni’s àirde. Tha margadh a chruidh’s nan caorach ro-ìosal; agus is mòr ar n-eagal nach ann ni’s fearr a théid iad. Bha na Mor’earan dearg ’an Glaschu o cheann ghoirid. Tha aon fhear r’a chrochadh air son mort a mhnatha. Dh’éirich an sgiorradh bochd so o anabharr’ òil air gach taobh, agus is minic a bha e na impidh air mòran dolaidh. Tha mòran ri’m fògradh as an rioghachd. LEABHRAICHEAN GAELIC. Tha Laoidhean Dhughaill Buchannain air an cur a mach o cheann ghoirid ann an clò-bhualadh ceanalta ùr le I. Reid, Leabhar reiceadair ’an Glaschu, ri’n reic leis-san air son sé sgillinn an t-aon, no dhoibhsan a ghabhas dorlach dhiubh air 4s. 6d. an dusan, agus 34s. an ceud. [TD 120] FOCAL SAN DEALACHADH. Taing do’n Bhodach liath taobh na h-aibhne; chi e a’meas a ta againn air na chuir e d’ar n-ionnsuidh. Mòran buidheachais do’n Leth-Ghael; cha di-chuimhnich sinn an deagh chomhairle ’thug e dhuinn. Cluinneamaid uaith co tric ’sa bhios e goireasach. Fhuair sinn o A. B. R. na nithe a chuir esan d’ar n-ionnsuidh m’an Chruinne. Mòran taing dhà. Fuirgheadh Eachann ruadh na Coille far a’ bheil e, Gabhadh e ar comhairle ’s na d’ thigeadh e gu Galldachd am bliadhna. B’e gàir na Caillich sa chùil dìonaich dhàsan a bhi ’gearan. Cuimhnicheadh e an Sean-fhocal, Mol an lombair, ’s na ruig e, Diomail a choille, ’s na fàg i. Cha d’théid sinn eadar an t-òganach agus an Sean Mhinisteir, eatorra fein bitheadh e; ach cagar beag ann an cluais an òganaich; thugadh e’n aire nach tachair dha, Mar eadar an long nodha agus an seann-rugha. Cha’n’eil comhairl’ againn ri thoirt air Calum Cianail, a ni mòran maith dhà. Eisdeadh e ri gaoith nam beann gus an tràigh na h-uisgeachan. Do thaobh A. Z. X. Tha litir co càm chrosda ris an ainm a ghabh e, mar ’eil sinn meallta, dheanadh a cheart fhleasgach caonnag r’a dha lurgainn. Gach diùbhras gu deireadh. Fhuair sinn litir o Bhodach na spéuclair. Ciod e so am boile th’ air a Bhòdach? An dubhairt sinne riamh gun robh an leabhar againn saor o mhearachd? Cò an leabhar a tha saor o mhearachd? Nam bitheadh spéuclair a Bhodaich saor o mhearachd, chitheadh e iomad mearachd ’na litir fein. Ach ga mòr aineas na poite bige, cha d’thig e seach an luath, is cha mhò thig aineas a Bhodaich. D. Maclure, Printer, Glasgow. [TD 121] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS DEIREANNACH AN FHOGH’RAIDH. XVIII. AIREAMH. 1830. AN FHAISNEACHD MU THIMCHIOLL NINEBHEH. “Ni e Ninebheh ’na làraich luim, tioram mar an fhàsach. Agus luidhidh treudan sìos ’na meadhon uile bheathaiche na talmhainn: gabhaidh am pelican agus a ghràineag tàmh na h-àrd-dhoruis: bithidh am fuaim ’na h-uinneagaibh; bithidh fàsalachd anns an sgàth-thigh, oir leigidh e ris a h-obair sheudair. So a chaithir luaghaireach a ghabh còmhnuidh gu tèaruinte; a thubhairt ’na cridhe, Tha mi agus cha’n’eil ann ach mi. Cionnus a dh’ fhàs i ’na fàsach, ’na h-àite air son bheathaichean gu luidhe sios ann! sgeigidh gach aon a théid seachad oirre, agus crathaidh e a làmh.” Seph. ii. 13, 14, 15. B’E Ninebheh Ceann-bhaile iompaireachd Asiria, agus rè iomad linn na bhaile co cumhachdach agus co mòr ’s a bha san àm sin, air aghaidh an t-saoghail. Tha Ionah, ga ainmeachadh na bhaile ro mhòr, agus gun robh e ’na asdar thrì làithean dol m’a thimchioll, Ion. iii. 3. Agus tha’m fàidh ceudna ag innseadh dhuinn, Caib. iv. 11. gun robh anns a bhaile mhòr so tuilleadh agus sé fichead mìle pearsa, do nach b’ aithne an làmh dheas seach an làmh chlì,” agus ma bha’n uireads’ ann de leanabain, cha ’n urrainn luchd-eachdruidh a bhi fad am mearachd a tha ’g ràdh, gun robh sè ceud mìle de luchd-àiteachaidh ann de gach seòrsa. Bha’m baile so fichead mìle air fad, dâ mhìle dheug air leud, agus mu thrì fichead mìle ma ’n cuairt. Bha ’m balla-dìon a bha ma thimchioll mu cheud troidh air àirde, agus tri fichead mìle m’an cuairt air, air a dhìon le cùig-ceud-déug tùr, agus gach aon diubh dà cheud troidh air àirde. Dh’ fhàs muinntir Ninebheh, mar bhailte mòr eile, trid a bheartais agus a chumhachd, anabarrach aingidh agus truaillidh. Ionnas gu’m bu deòin le Dia ùghdarras a thoirt do’n fhàidh Ionah searmonachadh dhoibh am feum a bha air iad a ghabhail aithreachais, mar an t-aon mheadhon chum an léir-sgrios a bh’ air a bhagradh orra a sheachnadh. ’S ann uime so a tha ’n t-iomlan de leabhar Ionaih air a sgrìobhadh Tha sinn a’ leughadh gun do ghabh iad aithreachas o shearmonachadh Ionaih, agus uime sin gun do chaomhainn Dia iad air an àm sin; ach cha do mhair an t-aithreachas so fada, phill iad air an ais chum an an-diadhachd, agus [TD 122] chinn iad thar tomhas nan sluagh peacach. Thog am fàidh Nahum, uime sin, fàidheadaireachd ’nan aghaidh, agus dh’innis e lìnnte roimh làimh, an lòm-sgrios a bha ri teachd air rioghachd Asiria, agus air Ninebheh ceann-bhaile mòr na rioghachd. Tha ’n t-iomlan de leabhar Nahum ’na fhàisneachd mu thimchioll sgrios na tìre so; agus mar a roimh-innis e, ’s ann a thachair. Thainig na Medich agus muinntir Bhabiloin a nuas an aghaidh Ninebheh, agus thug iad lòm-sgrios air anns a cheart dòigh a dh’ innis Nahum. Tha Cinneach ainmeil, Diodorus Siculus, a dh’ fhàg againn eachdruidh m’ an chùis so, (agus is duine e anns nach do chuireadh riamh teagamh), a’ comh-dhaingneachadh air a mhodh is mionaidich, gach focal a labhair am fàidhe. Cha ’n ion duinn gach earrann de’n fhàidheadaireachd mu thimchioll Ninebheh aithris, agus an dòigh anns a bheil luchd-eachdruidh chinnteach, nach do leugh riamh am Biobull, a’soilleireachadh mar chaidh gach ni a choimhlionadh. Fòghnaidh a ràdh, gu’n d’innis Nahum gu’m biodh an Dùthaich air a caitheamh mar fhas-bhuain làn thioram, gu’m biodh a chaithir mhòr so falamh, fàs, gu’n robh Tighearna nan sluagh ’na h-aghaidh, gu’m foillischeadh e do na Cinnich a lomnochd, agus do na rioghachdaibh a masladh, gu’m biodh Ninebheh na fàsach agus ’na ball-amhairc do dhaoinibh, gu’m biodh a clann òg air am prionnadh agus a daoine mòr air an ceangal ann an slabhruidhean. Dh’ innis e, ged a robh a luchd-malairt lionmhor mar réulta nèamh, agus iadsan a chrùnadh ann mar na locuist, gun d’ thig lòm-sgrios orra gu léir. Cha’n’eil leigheas air do bhruthadh, O righ Asiria, agus na h-uile chluinneas iomradh ort buailidh iad am basan os do cheann.’ Mar so labhair am fàidh, agus anns gach dòidh mar sin thachair. Tha Greugach ainmeil, Lucian, a sgriobh eachdruidh, o cheann sè-ceud-deug bliadhna, ag innse dhuinn, eadhon ’na lìnn-san, nach robh clach air muin cloiche do’n bhaile mhòr so; agus tha na daoin’, is foghluimte tha nise beo, anns gach cearnadh de’n t-saoghal, ag aideachadh nach ’eil fios c’ àit an robh am baile mòr so air a shuidheachadh: thainig sgrios co tur agus co iomlan air. Is co fior a làbhair fâidh an Tighearna. Smuainticheamaid nan d’ thigeadh neach do’n rioghachds’ air a cheart àm, a’ searmonachadh aithreachais, agus a’ bagradh gu’n d’thigeadh ’an ùine ghoirid, lòm-sgrios air Ceanna-bhaile na Dùthcha, agus air an tìr air fad o thaobh gu taobh, gu’n d’ thigeadh tuil thairis air, gu’n d’thigeadh crioch iomlan air, gu’m biodh e na fhàsach co mòr, ’s nach b’ urrainn luchd eachdruidh, tamull an déigh so innse c’àit an robh e. Is cinnteach mi gun amhairceadh sibh air an fhàidh sin mar dhuine air mhearaichinn, agus nach gabhadh sibh am barrachd suim d’a theachdaireachd ach mar ni gun seadh; agus gidheadh cha bhiodh a chùis ni b’ iongantaiche agus ni bu neo-choslaiche na bha fàsachadh agus lòm-sgrios Ninebheh. Oir bha Ninebheh gu mòr ni bu mhò, ni bu chumhachdaiche, agus ni bu shine na Ceann-bhaile ar rioghachd-ne; agus mhair iompaireachd Asiria ni b’ fhaide na sheas Breatunn fhathast mar rioghachd. Ach abair gun éireadh an tuil, ’s gu’n d’ thigeadh an nàmhuid, gu’m biodh am baile air a sgrios agus air a leagadh sìos, air a chreachadh agus air a shlad co mòr ’s nach b’ urr- [TD 123] ainnear innse c’àit an robh e. Ciod a dh’ fheudta ràdh m’an chùis sin? Cò e a dh’ fheudadh ’sna lìnntibh ri teachd an fhàidheadaireachd agus a coimhlionadh a choimeas ri chéile, gun làn-mhothachadh a bhi aca air freasdal De, agus air fìrinn ’òglaich, am fàidhe, agus a bhi ullamh gu aideachadh, Gu deimhin ’se so am focal a labhair an Tighearna, Gu deimhin tha Dia ann a ta toirt breith air an domhan! T. M‘L Campsie, 1830. LAOIDH. An saoghal dh’fhàs aosda, a shòlais tur ehaochail; Dh’ fhàs an saoghal so aosda, a’s aogas cha bhuan: Dh’ fhàs an saoghal tur aosda, lot eagal an aoig e, Ghlac uamhunn gach taobh e, luidh aois air a’s gruaim. Tha ’ghrian anns na h-àrdaibh, air lagach’ air fàillneach, Tha toradh nam blàran gu fàilligeach gann; ’S le h-eagal tha àrdan nam fineach air bàsach: Luidh aois air gach àite—tha ’m bàs orra teann. Tha ’n Righ anns a chaithir, an òg-bhean so bhaile, Tha clanna na h-amaideaehd aiceideach, leòint: Tha ’n neonain air seachda, aon lòn cha ’n ’eil blasda; Oir aosda tha ’n talamh, a’s fagus tha ’m mòd. An còir dhuinne goaran, d’ an eòl a’s d’ an aithne, Faoin shòlais na beatha, ’s nach d’ altruim dhoibh gaol? ’S ann shuas tha ar cridhe, ’s ar dachaidh nach diombuan, Ar crùn bheirear dhuinne ’nuair mhillear na saogh’il. Am Fior Ghael. LITIR O AMERICA. A Theachdaire Ghaolaich. Is sibhse gu dearbh a dh’fheudas a ràdh le fìrinn, An là a chi ’s nach fhaic; oir is mi tha dearbhta gu bheil ’ur cridhe cur thairis le gaol, do’n tìr sin san d’ fhuair sibh’ur togail, ’s ’ur n-àrach. Tha dòchas agam gu bheil luchd-dùthcha mo rùin a’meas’ur saothair mar bu chòir dhoibh, agus nach robh an Aithrichean riamh ni bu togarraich gus an crann-tàra a sgaoileadh o ghleann gu gleann, na tha iadsan chum gach sgeul sona agus càirdeil tha sibhs’ a nis ag innseadh a chur o thigh gu tigh, agus o bhaile gu baile. Is mi tha [TD 124] cinnteach gu’r iad a rinn an togail ris an Teachdaire. Bu chomaine dhoibh sin,—ach bu shuarach sin seach sinne; allabanaich bhochd na dùthcha so. Cha chreid sibhse an togail a rinn ar cridhe ris a cheud Theachdaire a thainig ’n ar caramh. Is iomad neach a thubhairt, ach mo thruaighe! ’s ann againne bha fios air Gur taitneach guth caraid’an tìr chéin—Nam biodh fhios agaibhse a liuthad latha cianail a chuir sinne seachad—Air mo shon fein deth, chuir mi rotham an àm falbh nach strìochdainn do’n bhròn. Thuirt mi fein ri Ceit mo bhean, c’ar son a bhiodh iunndrain aig daoine air cnoic, ’s air monaidhean, nach iunndriach iad—Nach ’eil na h-uile dùthaich cho mhaith, is cho mhaith, ma bhios daoine gu maith annta. Agus air son chàirdean, arsa mise, ’s éiginn dealachadh riu uair no uair-éiginn. Is gheibh daoine càirdean anns gach àite, ma ni iad càirdeas riu. Is fior sin, arsa Ceit, agus is furasda do d’ bhilibh sin a ràdh, ach gu de, cha’n abair do chridhe e, an là a dh’fhalbhas sinn. ’S ann aig Ceit a bha’n fhìrinn. ’Nuair thainig an gnothach gu deireadh, ’sa b’ eiginn falbh, bha mise co dona rithe fein, agus ni bu mhiosa; oir an àite bhi toirt misnich dhise, ’s ann a bha ise, mo thruaighe! a’ toirt misnich dhomhsa. ’Nuair a chunnaic mi fein am beagan a bh’ agam ris an t-saoghal ga chur gu cladach—an tigh anns an do thogadh mi, agus an d’ thainig mo phàistean a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, a bhi folamh fàs—mo mhàthair chaomh a’ tuireadh ’sa caoidh, aig dorus a bhothain nach b’ urrainn di’ fhàgail. Agus an uair a thug mi sùil m’an cuairt air gach coire agus gleann anns an robh mo luchd-eòlais a chòmhnuidh, cha mhòr dìreach nach d’ fhàillnich mo chridhe. Ach b’ eiginn falbh. O! shaoil mi gu’m b’e là ar bàis e: agus nach ann ris a sin a bha e coltach? Le spairn chruaidh dhealaich sinn ri’r câirdean agus ri’r luchd-dàimh; agus an uair a chuir sinn ar n-aghaidh air saoghal eile, an robh dòchas sam bith a’ toirt misnich dhuinn ach dòchas na h-uaighe fein, gu’n coinnicheamaid a chéile fhathast far nach dealaicheamaid a chaoidh. Bu chianail an comunn sinn sìnte air an tràigh ’s an long a’ cur fa sgaoil. Ach coma dh’ fhalbh sinn, air an fheasgar shamhruidh a b’ àillidh thainig no thig. Chaidh mi fein sios co luath ’sa rainig mi’n soitheach: agus air maduinn an là màireach, ’nuair thug mi sùil m’an cuairt, cha ’n fhaicinn fonn no talamh, ach an cuan dù-ghorm sìnnte a mach gu tosdach sàmhach, fo fharsuingeachd na h-iarmailt gu léir; agus fonn no fearann cha’n fhaca mo shùil tuilleadh gus an d’ éirich beanntaibh àrda na dùthcha so, sa choille sin nach teirig gu bràth mu ar coinneamh. Gu dìlinn cha leig mi air dì-chuimhn a cheud là a chuir sinn ar cas air tìr. Saoghal farsuing far comhair, agus sinne gun chumhachd gun chàirdean—ar leanabanan a’ gul mar gu’m bitheadh mothachadh aca air an càramh, agus am màithrichean nach b’ urrainn doibh le tuireadh agus bròn an luinneag a thogail chum an tàladh gu codal. An saoil sibh, mu’s i’n long fein, ged is iomad déur a shil sinn a cheud uair a chunnaic sinn i, nach robh mulad oirnn a nis an àm dealachadh rithe; ach nam biodh fhios agaibhse am farmad a bh’ againn ris an sgioba bha tilleadh dhachaidh leatha. Ach coma, chuir sinn a nis, mar tha dòchas agam a rinn sinn riamh, ar n- [TD 125] earbsa ann an Dia; agus mar thuirt Ministeir ar gràidh an àm dealachadh ris, Tha Dia ri fhaotainn anns gach àite. Is sòlasach an fhìrinn so, agus is sinne dh’ fhairich sin. B’ann air là na Sàbaid a rainig sinn an t-àite anns a bheil againn ar còmhnuidh. Mo chreach! Eaglais cha robh ann, no ni air bith ag innseadh gur e là na Sàbaid a bh’ ann; ach an t-sàmhchair naomh a bha mach air aghaidh na cruitheachd gu léir; ach thainig sinn cruinn fo sgàile nan craobh. Chuir m’ athair-céile caomh suas an ùrnuigh dhùrachdach as ar leith—thog sinn am fonn naomha, agus ged a dhùisg e gu dearbh iomad smuain thiomhaidh an taobh a stigh dhinn, air leam gu’n do bhrosnuicheadh gach aon againn le neart agus misneach. A mach o’n àm sin bha sinn a’ cothachadh an t-saoghail mar a dh’ fheudamaid, agus cliù dhàsan a thug an comas duinn, tha nis ar cuid ’s ar cuideachd a’ soirbheachadh mar is àill leinn, Ach air a shon sin, thig iomadh smuaintean muladach fainear dhuinn. Ged tha’m bròn air sìoladh, is furasd a ghluasad; is tha ’n deur san t-sùil ge nach eil i an còmhnuidh a’ ruith. Bheir an ni is faoine air uairibh ar dùthaich m’ar coinneamh. An saoil sibh, nach faca mi mo bhean fein a sileadh nan deur, an là a chuir mi orm deise bhreacain a bha agam-a’m’ chisti, agus a b’ àbhuist a bhi na deise Dhòmhnach agam; Gus o cheann ghoirid, cha robh de mhisnich na ghabhadh òran an làthair cuideachd; ach air a shon so, tha sinn cuimhneach air cleachdanna ar ar dùthcha. An saoil sibh nach d’ thug sinn an Coire-leathann mar ainm air an àite so. Cha chluinnear focal againn ach a Ghaelic. Tha bàta beag againn a bhitheas sinn a’ cur do Bhaile mòr margaidh a tha m’ ar coinneamh, falbhar air m’ athair-céile is thugar orm fhein a Ghruagach Ghaelach, a sgrìobhadh air a deireadh; agus gu dearbh bheireadh e gàir’ oirbh fein o cheann là no dhà, nam faice sibh Fràngaich a bha nan seasamh air a cheatha a feuchainn ris, ’sa fartlaicheadh orra, a leughadh. Tha sinn a’ gleidhe na Nollaig agus na Calluinn, dìreach mar a b’ âbhuist duinn a dheanamh aig an tigh; agus ge nach’eil an tadhall fathasd ro fharsuing, bha againn am bliadhna fein cluich-iomain cho sgairteil ’sa chunnaic sibh,—na seann daoine, mar a b’àbhaist nan Cinn-stuichd, agus na mnathan nan suidhe air tòm a’ coimhead oirnne. Ach ciod a th’agaibh air, bithidh sinn an sud na h-uile oidhche gheamhraidh, (agus is fad iad) air chéilidh an tighibh a chéile, a’ seanachas agus a’ conaltradh—uair a dh’ innseas an t-sean-bhean sgeulachd—uair a bheir Calum làmh air an fhidhill no air an troimb—agus air uairibh bheir mi fein no fear de na Gillean òga (oir leughaidh fear no dha dhiubh a dh’ ionnsuich mi fhein) làmh air leabhar; ged is e cuid is dona dheth nach ’eil na leabhraichean ro phailt; ach coma libh, oidhche de na h-oidhchean bha sinn an sud ’nar crùban m’an ghealbhan, ’an tigh m’athar-céile, seach tigh sam bith eile, is fiuthair againn ris na Gillean dachaidh o’n Bhaile mhòr. Ma dheire thainig iad—agus bu luaithe sgeul na deoch. M’an robh iomradh air reic no air ceannachd, spìon fear dhiubh a mach tri no ceithir de leabhruichean as a phòca,—so dhuibh, ars’ esan, agus neor-thàing mar ’eil biadh a’s ceòl an sin agaibh. Sin deir iadsan, an leabhar m’an robh [TD 126] Sgiobair na luinge ag innseadh; ged a bha e co fada o’n ainm ’sa bha na Fràngaich o ainm na Gruagaich. Thug mi fhein làmh air fear dhiubh—An Teachdaire Gaelach, An là a chi ’s nach fhaic, arsa mise, ’s mi bualadh air a leughadh. Dh’ fhoghainn so—Co luath ’sa chualas gur i Ghaelic a bh’ ann, cha robh ann an duine nach robh air a chois gu bhi’n sàs ann. Nam faiceadh sibhs iad, m’as e’n dealbh fein, shaoil leam dìreach gu’n cailleadh na mnathan agus a chlann an sùilean a’ coimhead air an dealbh. Breacan an fhéilidh, ars’ iadsan, m’eudail a dhualan àluinn—suidheachadh Chlann Domhnuill, mo cheist e, b’ eolach air mi. Am faca tu riamh, ars’ an dara te’ ni’s coltaiche ri Donnacha nan Dàn na’m fear tha leughadh, ach nach seall thusa, ars’ an tè eile, a Bheinn-mhòr. O! mo rùn i, is iomad là êibhinn a bha mi ma coinneamh. Is aoidheil a gnùis, cha’n ionann ’sa bheinn ghruamach ud thall. An saoil sibh, m’as e’n cù fein, nach robh iad a’ faotainn coimeas da; agus cha ’n ’eil fhios c’uin a stadadh iad, gus an do ghlac mi fein an leabhar, agus gun do thòisich mi air a leughadh. Ach ma thòisich, bha ach beag an latha geal ann m’an robh guth air sgur. Is nach faiceadh sibhse iad, uair a’ gul ’s aig ochanaich, agus uair eile a’call an lùis leis a ghàireachdaich. Ma ’se m’ athair-céile, fear air nach facas fiamh gàire o dh’ fhàg e a dhùthaich, cha robh e air deireadh air càch, ged a chitheadh sibh e an tràs agus a rithist a’ sileadh nan deur. Ach stada sibhse; tha aige sud Buideal beag na chistidh de’n fhìor thòiseachd, a thug e nall leis, ’s is prìseil aig e fo ghlais agus fo iuchair; is cha’n fhacas an duine sin a gheibheadh deur dheth; ach air oidhche Challuinn gu’n toir e dhuinn mu leth làn na searraige dheth; agus coma libh, ’nuair bha mi fhein, réidh leughaidh, faicear esan ag éiridh, a’ dol os ceann na cistidh, ’s a’ toirt làimhe air a Bhuideal. Ma ta, a Chlann, ars’ esan, tha’m Buideal mar tha’m fear leis an leis e, air tighinn gu deireadh, ach ge nach biodh ann ach làn na slige, òlaidh sinn deoch slaint’ an Teachdaire Ghaelaich, ’s na tha saoithreachadh maille ris. Mo bheannachd aca, is iad a thug am faobhachadh do m’ chridhe leòinte fein an nochd. ’Illean a deir esan, cuireadh fear agaibh fios air an leabhar so, feumaidh e bhith againn, ged a chosnainn fein e air chùl na tuaidhe; agus cha’n fhòghnadh so ach na boirionnaich, Nach dubhairt mi riut, arsa mo bhean feìn, sud agad brìgh a bhruadair a chunnaic mise. Bhruadair mi gu’m faca mi drochaid eadar mis agus mo dhùthaich, agus gu’m faca mi Pegie mo phiuthar, agus piuthar mo mhàthar, a’ tighinn thairis orra, s gu’m faotainn a gabhail a nun sa nall mar thograinn fein. Saoilidh mi nis, air leam gu bheil mi dìreach aig an tigh. Ach slàn leibh a Theachdaire Ghaolaich, lìonadh e leabhar nan cuirinn-sa sìos na bha de sheanchas eadaruinn. Gabhaibh mo leithsgeul air son an litir so a bhi co fada. An earalas gu’m biodh e feumail d’ar luchd-dùthcha, leigidh mi fios duibh o àm gu h-àm mar tha sinn a’ teachd air ar n-aghaidh. Mo mhìle beannachd libh. Is mis ur caraid dìleas EOGHANN CAMERON M’as deonach libh fios freagradh a chur do m’ionnsuidh, cuiribh e gu Caiptein Cameron ann an Cape Breton, agus fòghnaidh dhuibh a ràdh gu bheil e gu Eoghann ruadh a Choire. [TD 127] MU THAIBHSEAN. Tha leabhar ùr Beurla air a chur a mach ’an Dùneidean o cheann ghoirid, leis an duin’ ainmeil sin Sir Walter Scott, mu Bhuitseachd, mu Thaibhsean, mu Dhrùidheachd, mu Ghisreagan, agus mu Bhòchdain, nach urrainnear a leughadh gun mhòr thlachd. Anns an leabhar so tha e ’g innse iomad sgeul neônach; agus tha e leigeadh ris cuid de na dòighean lionmhor anns an robh daoin’ air am mealladh mu na nithibh so; agus a’ dearbhadh gu riochdail nach ’eil anns gach eachdruidh is urrainnear innseadh mu thaibhsean agus bhòchdain, ach amaideachd agus faoineachd: ge nach ’eil e air uairibh furasd’ fhaotainn a mach a cheart dòigh anns a bheil na gnothaichean so a’ tachairt. Is iomad eachdruidh tha e ’g innse mu thaibhsean a chunnacas le daoinibh teisteil, a thug làn chreideas dhoibh, a thaobh nach robh de sheòltachd, no de mhisnich ac’ a chùis a rannsachadh mar bu chòir dhoibh. Bha ’n sud Comunn foghluimte ann am Plymouth an Sasunn, de na daoine bu mheasaile agus a b’ iunnsaicht a bha sa chearna sin de’n rioghachd. Rè an t-sàmhraidh b’ àbhaist do’n Chomunn so coinneachadh ann an uaimh taobh na fairge; ach rè a gheamhraidh ann an tigh àraidh a bha ann an gàradh, ’an àite dìomhair sàmhach—far nach d’ thigeadh neach sam bith a chuireadh dragh orra, agus saor o ùinich agus o ghleadhraich an t-saoghail. Bha iuchair aig gach fear de ’n chomunn so a dh’ fhosgladh an gàradh, leis am faigheadh iad a mach agus a stigh. Bha e na riaghailt aig a chomunn so gu ’m biodh fear m’ an seach dhiubh na uachdaran orra; a shuidheadh ann an caithir mhoir aig ceann toisich a bhùird. Air oidhch’ àraidh sa gheamhradh, air do’n chomunn a bhi cruinn, thachair gun robh an t-uachdaran bu chòir a bhi aca, na luidhe ann an tinneas trom, o nach robh fiughair gu’n éireadh e. Bha mòr mheas aig a chomunn air. Bha e na dhuine fiachail, agus chual iad gun robh e air leabaidh a bhàis. Mar dhearbhadh air a mheas a bh’ ac’ air chuir iad rompa nach roghnaicheadh iad fear eile na àite air an oidhche sin, agus dh’ fhàg iad caithir an uachdarain falamh. Thòisich iad ri labhairt uime, agus mo ’n challdach a thigeadh orra an lorg a bhàis. Am feadh a bha iad mar so gu smuaireanach a’ seanachas, ghrad dh’ fhosgail an doras, agus thainig aogas an uachdarain a stigh. Bha thrusgan oidhch’ uime, a churachd sìos air aghaidh, cosmhuil ri dealbh an aoig. Thainig e stigh le stòltachd neo-chumanta; ghabh e sealbh air’àite suidhe, thog e ghloin a bha fa chomhair, chuir e r’a bheul i, agus dh’òl e orra; an sin chuir e air a bhòrd i, agus dh’ fhàg e’n seòmar co tosdach sa thainig e stigh. Bha uamhas anabarrach air a chuideachd; agus an déigh iomad barail m’an chùis, smuaintich iad gun rachadh càraid diubh a dh’ fhaicinn cia mar bha an t-uachdaran, a thainig nam measg air mhodh co iongantach. Dh’ imich iad, agus phill iad leis an sgeul eagallach, gun do chaochail e air a cheart fheasgar sin. Chuir an Comunn, a bha fo mhòr ìoghnadh rompa, nach canadh iad focal m’ an t-sealladh iongantach eagallach a chunnaic iad. [TD 128] Bha’n iunnsachadh co ârd ’s nach creideadh iad uile gu leir gu’m fac’ iad taibhs’ an caraid a dh’ éug; agus san àm cheudna bha iad neo-thoileach gun cluinneadh an sluagh gu’m facas taibhs’. Uime sin dh’ fheuch iad a chùis a chumail fo chois, ach air dhòigh eiginn bhris e mach gun do thachair a leithid. Bliadhnaichean an déigh sin dh’ fhàs sean bhoirionnach a bha cleachda bhi frithealadh air daoine euslainteach, gu ro thinn, agus air adhart a bàis bha léigh a bhuineadh don cheart chomunn so a’ feitheamh oirre. Dhà-san dh’innis i le mòr dhuilichinn, gu’n robh i fad a’ frithealadh air an uachdaran a chuir na h-uiread ìoghnaidh air a chomunn; agus gun robh i fo agartas coguis m’an dòigh air an deachaidh e gu bàs. Thuirt i, a chionn gun robh breisleach agus eatromas an caramh a thinnis, gun robh earail theann aic’ a bhi ro fhurachair uime. Dh’ éirich dh’i gun do choidil i, agus an àm dhise bhi na suain gun deach an t-euslainteach a mach; ’s an uair a mhosgail i gu d’ fhuair i ’n leaba falamh, agus air dhi dol a mach, gun do thachair e oirre a’ pilleadh dhachaidh. Chàirich i san leabaidh e; ach cha luaithe thachair sin na thug e suas an deò. Chum gu’m b’ fheaird a chreideadh an léigh i, dh’ innis i dhà, nach luaithe a fhuair e bàs na thainig dithis de ’n chomunn a dh’ fheòraich cia mar bha e, agus fhuair iad fios gun do chaochail e. Leig so ris diomhaireachd na cùise. Agus bha ’n comunn a nis co deònach air an naigheachd a sgaoileadh ’s a bha iad roimhe air a chleth: ach mar biodh an t-soilleireachd so air tachairt, bha cuid de’n chomunn nach creideadh gu dìlinn nach fac’ iad taibhs’. Bha Tuathanach measail còir an taobh deas na h-Alba, a’ dol dachaidh o mhargadh, le soillse na gealaich, tre rathad aonarach uaigneach; agus m’am faigheadh e dhachaidh b’ éiginn da dol seachad air cladh a bha ri taobh na slighe. Chunnaic e aogas boirionnaich ann an éididh ghil na seasamh air balladh a chlaidh. Cha robh a null no nall aige ach dol air aghaidh, agus chuir e roimhe gu neo-sgàthach dol seachad; chaidh e uime sin co fada ’s a dh’ fheud e o’n tannasg a chunnaic e; ach cha robh seol seachnaidh air. Chaidh e air adhart so sàmhach ’sa b’ urrainn da; gus an tainig e dlù do’n àite, thug e an sin spor do’n each, agus chaidh e na dhian-ruith; ach cha d’ rinn a chabhag sin mearalladh air an tannasg. Mar bha e dol seachad air an oisinn far an robh i na seasamh; thug i grad leum a nuas air an each, air cùl an tuathanaich, agus ghlais i a dà làimh mu mheadhon; ni a mheudaich luaths an eich, agus eagal a mharcaich; air dha an làmh a bha mu mheadhon, a ghlacadh dh’ fhairich e gun robh i co fuar ri làimh duine mhairbh. Fa dheireadh ràinig e dhachaidh, agus dh’ àithn e do’n t-seirbhiseach a thainig a fhrithealadh dha, E thoirt a nuas na Taibhse a bha air a chùlaobh. Thug iad a nuas i agus chuir iad an tuathanach còir a luidhe, far an d’ fhuirich e car iomad seachduin ann am fiabhrus cràiteach an lorg an eagail a ghabh e. Thuig iad gu’m bi’m boirionnach so, banntrach a chaill a fear beagan roimhe sin, agus ràinig bàs a fir i co mòr s gun deach i as a beachd, ’s an uair a gheibheadh i’n cothrom air, gun rachadh i do’n chladh, far an caoineadh i gu goirt air a lichd: agus sheasadh i air uairibh air oisinn a chlaidh, far an gabhadh i [TD 129] gach fear a rachadh seachad an riochd a fir. Nan tuiteadh am boirionnach so gun fhios da o’n each, bu deachair a thoirt air an tuathanach a chreidsinn nach robh e treis de’n asdar le tannasg air a chùlaobh; agus is iomad ni de’n t-seorsa cheudna a thachair ’nar dùthaich fein, agus o’n a thogadh sgeul mu thannasgaibh agus mu spioradaibh, aig nach robh bunachar is fearr na th’ aig a cheart sgeula so. Bha ann an sean Chaisteal, a tha ainmeil ann an eachdruidh, cuirm mhòr air a toirt seachad leis an Triath d’am buineadh e. Bha mòran de Mhor’earan agus de uaislean urramach a fhuair cuireadh chum na cuirme. Nam measg so bha gaisgeach curanda a bha ainmeil air son a mhisnich, agus a choisinn mòran cliu anns gach teugbhail san robh e. ’Nuair a thainig àm dol a luidhe, chuireadh ’an céill do’n chuideachd, gu’m biodh e duilich seòmar an t-aon a thoirt doibh, mar gabhadh fear dhiubh os làimh luidhe ann an seomar àraidh a bha fo ainm a bhi air a thathaich le tannasg. Ghabh an t-Oifigeach ainmeil so os làimh cadal ann; ach mhaoidh e, m’an deach e luidhe, an tubaist a dheanamh air neach sam bith a theannadh ri cleas a dheanamh air. Ghabh e mu thàmh, dh’ fhàg e ’choinneal an lasadh, agus chàirich e a dhà dhag air a bhòrd, agus urchair anns gach aon diubh. ’S gann a bha e na shuain, ’nuair a dhùisg e le ceòl tìomhaidh binn a bha san t-seòmar. Dh’ amhairc e m’an cuairt da, agus chunnaic e triùir ghruagach, ann an éididh uaine, a bha seinn ciùil ann an ìochdair an t-seòmair. Dh’ éisd e riu rè tamuill le mòr thlachd, ach do bhrìgh gur e’n t-aon phort a bh’ aca dh’ fhàs e sgìth dhiubh. A ghruagaichean, ars’ esan, tha ur ceol maith gu leoir, ach cha bu mhiste leam ged a dh’ fheuchadh sibh port eil’ a nis. Ach coma co dhiubh, cha d’ atharraich na maighdeannan an ceòl. Labhair e, agus labhair e rìs riu gu sgaiteach, iad a thoirt thairis do’n phort sin; ach cha d’ thug iad feart air, ni a bhrosnaich ’fhearg gu ro mhòr. A mhaighdeannan, thuirt e, cuiridh mise stad air ur ceòl. Leis a sin thug e làmh air armachd. Cha do sguir an ceòl. Dh’ fhàs e ro fheargach. Cha do sguir an ceòl. Dh’ fhàs e ro fheargach. Cha’n fhuirich mi ach cùig mionaidean, a deir e, ’nuair a bheir mi griosach oirbh. Bhuanaich an ceol—theirig na cùig mionaidean. Bheir mi dhuibh, ars esan, aon chothrom eile, am feadh a chunntas mi fichead. Cha mhò bha de mheas ac’ air so na bh’ac’ air a chuid eile. Dh’ àireamh e aon, a dhà, trì; ach air dha bhi teachd dlù air crìoch an àireamh, agus ag ainmeachadh gu’n robh e cur roimhe losgadh, dh’ ainmich e seachd deug, le mòr stòldachd, le dearbh-chinnte gun robh na dagaichean air an làn-ghleus. Sheinn na maighdeannan gun sgur. Agus mar a labhair e fichead, loisg e leis an dà dhaig air na h-ainnirean ceòlmhor; ach shéinn iad gun stad! Bha’n t-oifigeach fo ìoghnadh le cion éifeachd a theine, agus ghabh e a leaba c’ar thrì seachdainean, leis an eagal a ghabh e, fo lan dearbhadh gur taibhs’ a bh’ ann. Feudar an cleas a chaidh a chur air gu h-aithghearr ainmeachadh, gun robh na boirionnaich a bha seinn ann an seomar ri taobh an fhir san robh esan, agus nach d’rinn e ach losgadh air am faileas, agus gun robh am faileas air a chur a stigh do’n t-seomar le sgàthan a shocraicheadh air dòigh àraidh le duine a dh’ fheuch ris a chleas so a dheanamh. T. O. [TD 130] IAIN KNOX (An co-dhunadh.) Chunnaic Knox a nis gu’m feumadh e’ m pailliuin talmhaidh so ’chur dheth. Chomhairlich e, uime sin, do’n eaglais seirbhiseach dìleas fhaotainn ’na àite, agus mhol e dhoibh gairm a thoirt do’n urramach Seumas Lawson aon de àrd mhinistirean Aberaidhean. Scriobh Knox fein chuige e ’thighinn ga amharc, agus aig bonn na litreach thuirt e, “Dean cabhag, a bhràthair, no thig thu ro anmoch.” Bha Lawson co mòr air a chur chuige leis na briathraibh so ’s gu’n do ghabh e ’thurus an la’r na mhàireach: rainig e, agus air dha searmonachadh uair no dha thaitinn e ris an eaglais cho mhaith ’s gu’n tug iad gairm dh’a mar fhear-ionaid Knox. An là ’chaidh a ghabhail a steach shearmonaich Knox fein le mòr chumhachd; bha spiorad an Tighearna da rìreadh air. Mu dheireadh na searmoin leig e fhianuis gu Dia gu’n do chaith e bheatha nam measg ann an deadh choguis—a’ searmonachadh soisgeul Chriosd ann an treibhdhireas, gu’n umhail do uasal no iosal. Dh’ fhàg e’n sin beannachd aca ann am briathraibh cho tiamhaidh agus cho drùi’teach ’s nach robh sùil thioram ’sa choimhthional. An déigh na searmoin chaidh e dhachaidh ’s ghabh e leaba, agus ma ghabh cha b’i sin leaba gun dòchas. ’Smuladach an ni, shaoileadh neach, a bha fàgail beannachd gu bràth aig gréin ’s aig gealaich, aig ceilearadh binn an doire ’s aig gàirich mhòralach a chuain, aig cairdibh dìleas ar n-òige ’s aig companaich bhàigheil ar n’ aois, ach ’s faoin iad so uile ann an sùilibh an fhior chriosduidh—cha’n fhada gus an éirich airsan grian na firinteachd—haleluiah ainglean, agus cairdeas Dhe agus an Uain! Air di’h-aoine dhéirich e gu aodach a chur uime ged is gann a b’ urrainn dha suidhe air furm. ’Nuair a dh’ fheòraich iad dheth ciod a thug air éiridh, thuirt e gu’n robh a mhiann air dol do’n eaglais, (gu’n chuimhne nach b’e là na sàbaid a bh’ ann) oir ars’ esan bha mi fad na h-oi’che a bheachd smuaineachadh air aiseiridh Chriosd, agus tha focal no dha agam a chum na h-euglais bhochd. An ceann tacan chuir e fios air na foirfich a chum beannachd fhàgail aca: ’nuair thainig iad thuirt e riu, “A bhràithre rùnach! thainig ma dheireadh an uair airson an tric an robh mi’guidhe—an uair a dhruideas mo shùil air an t-saoghal mheallta so, agus a chi mi sàbhailte an taobh a stigh do gheata rìoghachd na glòir. Air leaba mo bhais, a nis mar tha mi, leigeam fhianuis gu Dia nach do theagaisg mi ach firinn an t-soisgeil, agus gu’m b’e eòlas a thoirt do’n aineolach—neart a thoirt do’n anfhann—comhfhurtachd do’n dream a bha fo’ bhròn airson an cionta—agus an t-uaibhreach irioslachadh le bagraidhibh leabhar Dhe, a bh’ agam do ghnà ’s an amharc. Tha fhios agam gu math gu’n robh iomadh a’ faotainn coire dhomh a chionn cainnt cho laidir a chleachdadh, ach aig Dia tha fios ged bha mi ’seirm tairneanach a bhreitheanais nan cluasaibh gu’n robh mo chridhe ’leaghadh le gràdh d’an anamaibh: nan caomhnainn iosal no uasal cha b’ airidh air mo dhreuchd mi, agus cha bhiodh là mo chunntais na là cho taitneach dhomh. Tha mi ga’r fàgailse ’n am’ dhéigh, ach leanaidh sibh an aithghearr; cuiribh an deadh chath—glacaibh misneach, ged tha mise ga’r fàgail; agus fhadsa dh’ [TD 131] fhanas sibh ann am firinn Chriosd feudaidh sibh dùlan a thoirt do gheataibh ifrinn.” Beagan mu’n do ghabh e leaba dh’ iarr e air a mhnaoi ’nuair a dh’ fhàsadh e cho lag ’s nach b’ urrainn dh’a leughadh ise ’leughadh dh’a gach là xvii. caib do shoisgeul Eoin—caib. do’n litir a chum nan Ephesionach, agus xxxiii caib. de Isaiah. Bha e’nis air fàs cho fann ’s nach b’ urrainn e labhairt ach le mòr shaothair, gidheadh cha d’ fhàg neach taobh a leapach gun earail. Thòisich bean uasal dhiadhaidh aon là r’a mholadh airson na rinn e as leth a chreidimh agus a dhùcha: Chuir Knox grabadh oirre. “Fois! fois! a bhean uasal,” ars’ esan, “tha’n fheòil i fein dona gu leòir gun a séideadh suas; ’Se Criosd an aon charraig air am bheil mo dhòchas air a stéidheachadh.” Air là na sàbaid bha e sàmhach car ùine fhada. Ma dheireadh, ars’ esan, le guth socrach “Ma tha neach’s an éisdeachd thigeadh e agus faiceadh e obair Dhe; bha mi o cheann dà oi’che a’ tagradh arson eaglais Chriosd,—an comunn beag a ta fo dhìmeas anns an t-saoghal, ach ’na shealladh-san luachmhor mar chloich a shùl: Bha mi ’gleachd ri Sàtan a ta ’g iarraidh a slugadh suas, agus trid fuil an Uain thug mi buaidh. Bha mo spiorad air neamh, agus fhuair mi blasad air sòlasaibh an ionad bheannuichte sin—cia fad O! Iosa, cia fad!” Dh’ fharraid cuideiginn a bha làthair an robh e fulang péine? cha’n’eil ars’ esan, nis mò na esan a ta cheana air neamh: nam b’e toil De i chuirinn suas leis an leabaidh so fad sheachd bliadhna: ’nuair tha’n spiorad ann an Criosd cha chuir am bàs giorag air an fheoil.” Iomadh uair ’nuair shaoilte bhiodh e’na chodal, chìte a bhilean a’ gluasad, agus chluinnte e ’g ràdh “A Thighearna thoir aodhairean dìleas do t-eaglais,—aisig sìth do’n rioghachd—thig a Thighearn Iosa, thig!” Bha e aon oi’che ri trom osnaich ’s ri spairn troimh chodal: Nuair dhùisg e dh’ fheòraich iad dheth ciod a bha cur trioblaid air? “’S fad ars’ esan, o’n a thòisich Satan ri m’pheacaidhean a thilgeadh orm gus mo thoirt gu an-dòchas, ach chum mi sgiath a chreidimh ris: tha e nis a cur ’nam inntinn gu’n do thoill m’ oibre fein dhomh àite ’measg nan naomh, ach moladh do Dhia a chuir chugam an scriobtur so, ciod a th’agad nach d’ fhuair thu? Tha nis crioch air a chath, cliu do Dhia, bi’dh Knox an aithghearr far nach ruig a shaighdean e.” Air di-luain dh’ fhâg e’n leaba car tamuill, ach bha e cho fann ’s nach b’ urrainn e seasamh air a chasaibh,—shuidh e ann an cathair car leth-uair, agus thogadh do ’n leabaidh a rìs e. ’S an fheasgar dh’iarr e air a mhnaoi far na thilg e ’cheud achdair a leughadh. Thuig i fein a chuid eile, agus leugh i xvii. caib. de’n t-soisgeul a reir Eoin. Mu leth uair roimh dheich rinn iad ùrnuigh. Dh’ fharraid neach dheth an cual e’n ùrnuigh? “O b’ fhearr leam gu ’n cluinneadh an saoghal i mar chuala mis i’, ars’ esan, “a Thighearn Iosa glac mo Spiorad!” Air so thuit e seachad ann an glacaibh a bhàis gun spàirn gun ùpraid ’na 67 bliadhna. Chunnaic sinn a nis crioch Knox!—cridhe co mòr, agus spiorad co tréun ’sa tharruing claidheamh riamh an aobhar na firinn! B’ esan am ministeir dìleas! Bha chaithe beatha naomha; [TD 132] a theagasg fallain, agus do thaobh miodail a dheanamh ri peacaich cha d’ rugadh leis e. Bha e cho làn de’n Spiorad naomh ’s nach robh ni bha ri tighinn air an eaglais nach innseadh e roimh laimh. Tha iomadh neach an diumb ri Knox a chionn nach do chaomhainn e na tighean-aoraidh breagha a chosd na h-uiread de dh’ airgiod,—nach foghnadh dh’a na sagarta fhuadach a mach asda gun na h-eaglaisean a thoirt a nuas mu’n cluasaibh? Bha Knox tuilleadh a’s eòlach air na sagarta; bha fhios aige mar cuireadh e’n nead leis a chreig gum pilleadh am fitheach. ’S borb an obair, shaoileadh neach, cos no lamh a ghearradh bharr duine ’s e beo; ach chi an léigh gu’r h-e so na tha eadar e ’s am bàs. Bha rioghachd Alba da rìreadh tinn ri àm Knox, agus mar gabhadh e leigheas garbh dh’i cha robh i’n diugh mar tha i. Chaidh Knox adhlac ann an Duneidean, le mòr urram. Thogadh carn mar chuimhneachan air ann an iomadh àite. Tha aon diubh so ra fhaicinn ann an Glaschu air cnoc àrd dlù do’n eaglais mhòir. Tha Knox fein air a mhullach air a tharruing ann an cloich le bhioball air chùl-duirn, ’s e mar gum biodh e a’ searmonachadh do na miltibh a ta gach là dol ’s an rathad. Beannachd libh air an àm so a Theachdaire rùnaich. ’S mise. MACTALLA. Eilean Chola, 1830. Biùthas Iarla Morton air Knox ’an àm a thòrraidh. “Sin e na shìneadh, a deir esan, fear air nach robh riamh eagal roi’ ghnùis duine.” Sean Eachdruidh na Gaeltachd. BLAR INBHERLOCHAIDH. Pìobaireachd Dhomh’uill duidh Pìobaireachd Dhomh’uill: Pìob agus Bratach, Air Faich Inbherlòchaidh. Tha fios aig a chuid is lionmhoire d’ar luchd dùthcha, gur ann as leth a cheud Terlaich a bha Iarla Montros a’ cogadh ann an Albuinn, o thoiseach na bliadhna 1640 gus an do chuireadh gu bàs e ann an 1650. B’e cionfath a chogaidh so, gun robh Tearlach agus a luchd-comhairle a strigh ri Creidimh an Easpuig a chur a dh’ aindeoin air na h-Albannaich. Cha ghéilleadh iad da so, agus dh’éirich a chuid bu mhò de ’n Ghalldachd agus mòran de na Gaidheil chum cur an aghaidh an reachd so: agus chuir iad an làmh air fad ris a bhoinn ainmeil sin, ris an abrar an Coimh-cheangal naomha* leis an do gheall iad a bhi dileas da chéile, agus do’n chreidimh a tha nis, an lorg an saothaireach, air a shocrachadh san tìr. Bha Mac Chailean agus a dhaoine air taobh nan Cùmhnantach: Agus o’n a b’e duine bu chùmhachdaich’ a bha air an taobh sin, tharruing so a nuas air diumb shònraicht an righ agus na bha air a thaobh. Dh’ éirich Clann Dòmhnuill, na Camaronaich, agus Stiubhartaich na h-Apunn le Montròs, as leth an righ, maille ri buidheann làidir de dh’ Eireannaich, a thainig a nall le Alastair Mac Cholla, air an do labhair sinn mar thà. A thaobh an naimhdeas ghuineach a bh’aig an duine so, agus aig luchd-leanmhuinn Mhontròs an aghaidh Mhic Chailean, chuir iad rompa am feachd gu leir a gheamhrachadh, ann an Earra-ghael. Chum so, ghluais an t-arm rioghail ’nan dà * Solemn League and Covenant. [TD 133] bhuidhinn, chum dùthaich Mhic-Chailean a thoirt orra. Chaidh fir Lochabar agus Chnoideart fo cheannas Iain Mhuideartaich, agus a chuid eile dhiubh fo cheannas Mhontròs fein. Ghabh Iain Muideartach suas Gleann-dochart, agus taobh Locha-tadha, roimh fhearann Bhraid-albuinn, a’ losgadh ’sa creachadh, a’ mortadh agus a’ marbhadh gach ceum mar bha iad a’dol air an adhart, do bhrigh gun robh muinntir na tìre so air taobh nan cùmhnantach. Bha Mac Chailean ’an Dun-eidann san àm, ’s an uair a chual e mar bha chùis ghreas e dhachaidh. Thog e ’n dùthaich chum cosg a chur air Montròs agus air fheachd. Cha robh dùil aige gun robh e comasach dhoibh Inbharaoradh a a ruigheachd, tre na garbhlaichean fiadhaich, gun slighe gun drochaid, leis an robh e air a chuairteachadh; ach bha Montròs agus a dhaoine ’an Gleann-aoradh m’an robh fios aig Sliochd Dhiarmaid c’ àit an robh iad. Theich Mac Chailean do’n Ghalldachd, agus dh’ fhàg e a Chinneadh gu iad fein a dhìon mar a b’fhearr a dh’fheudadh iad. Dh’fhuirich arm Mhontròs sè seachduinean ann an Earra-ghael. dh’ fhartluich air Caisteal Inbharaoradh a ghlacadh, ach thug e lòm-sgrios air an dùthaich ma’n cuairt. Mar shamhladh air an sgrios a thug iad, chaidh Iain Muideartach le cuid da fheachd sìos rathad Chille-Mhàrtuinn, agus tha e air a ràdh m’an do thill e, gun do mharbh a chuid daoine còrr agus ochd-ceud pearsa, eadar bheag agus mhòr. Ma thoiseach na bliadhna 1645 dh’ fhàg Montròs Earra-Ghael, agus thug e’n rathad air chum Inbhernis le rùn cur as do dh’fheachd a bha san dùthaich sin fo cheannas Mhic Choinnich a bha air taobh nan Cùmhnantach. Phill Mac Chailean air ais, agus rinn e làn-togail air a chuid daoine, agus chaidh e air tòir Mhontròs. Anns an àm cheudna, chuireadh feachd cumhachdach eile, a nìos o ’n Ghalldachd, chum Montròs a choinneachadh; agus cha robh teagamh sam bith nach robh e ac’ ann an ribe, air dhoibh a chuairteachadh mar so le tri armailtean cumhachdach. Ach cha do thuig iad an curaidh a bh’aca. Mar bha ’n gaisgeach foghainteach so air a thurus troimh Lagan-ach-a-droma, thainig Gaidheal na fhuil ’s na fhallas as a dhéigh, a dh’innse dhà gun robh na Caimbeulaich air a thòir; gun do thòisich iad air creachadh ’s air losgadh Lochabar. Cò thug an sanas so dha, ach an duin’ ainmeil Iain lòm, bàrd na Ceapach. ’S gann a chreideadh Montròs gun robh an sgeul a fhuair e fìor; agus chuir e roimhe Iain lòm a chrochadh nam faigheadh e mach gur i bhreug a chanadh leis. ’S ann dlù do Chille-chuimein a fhuair Montròs an sgeul, agus ge nach robh aig’ air an àm ach àireamh bheag airm an coimeas ris an fheachd lionmhor a bha air a thòir, chuir e roimhe pilleadh, agus aghaidh a thoirt orra. Bha fios aige nach b’urrainn dà tighinn gun fhios air Mac Chailean, nam pilleadh e air an rathad iosal air an d’thainig e. Uime sin dhìrich iad a mach Cùil-achaidh agus theirinn iad thall air Gleann-ruaidh, agus ghabh iad lòm gach ath-ghoirid tre shneachda trom gus an d’rainig iad bun Ghlinn-Ibheis, far an do chuir iad an oidhche thairis gu sgìth airsnealach. Moch an latha am màireach chuala na Caimbeulaich gun robh arm ga’n còir, ach cha do shaoil iad gur e Montròs a bh’ann; ach muinntir na Dùthcha a chruinnich chum cosg a chuir orra anns a chreach a bha iad a’ toirt air an dùthaich. Bha cuid do dh’fheachd Mhic Chailein air taobh thall Lòch- [TD 134] aidh, gun fhiughair idir aca ri Montròs. ’Nuair a dh’ éirich a ghrian, chualas fuaim na dùtaich, ’s nuallan na pìoba a’ teachd a nuas o bhun Ghlinn-Ibheis. ’S ann an sin a thuig iad cò a bha aca; agus dh’éirich na Caimbeulaich, agus chuir siad fein ’an òrdugh catha. Bhuail an t-eagal Mac Chailein, agus a’ gabhail mar leithsgeul dochann a fhuair e, thug e bhìorluinn air, agus dh’ fhàg e ceannas an airm aig an duin’ fhoghainteach Triath Achanambreachd. Chuir na Caimbeulaich a mach suaicheantas sìth, mar gu’m bitheadh iad aig iarruidh cumha gu strìochdadh. Dheonaich Montròs leth uair an uaireadair a thoirt dhoibh, ach bha Gaedheal furachair dlù dha, a thuig nach robh dhì orra ach uine gu iad fein a chur an òrdugh. Ghlaodh e mach, tha thu call do chothrom; is foill a tha nam beachd, bi gu grad an sàs annta. Cò arsa Montròs, an slaightire aig a bheil a chridhe bhi meachranachd ri m’ chuid airm air an àm? Ach cha d’éisd Mac’Ic Alastair, oir is e so a bh’ann, an t-ath fhacal, ach thug e fein ’s a chuid daoine as gu bhi ’m broilleach nan Caimbeulach. Cò e am fear a rinn sud, arsa Montròs, “Tha a deir Alastair Mac Cholla, duine foghainteach, agus air mo bhoistidh b’fhearr leam dol sios leis do’n toiteal na leat fein.” Air dha so a ràdh thug esan agus a chuid Eireannach as, agus chunnaic Montròs nach robh feum dha fuireach ni b’ fhaide, agus lean e iad leis na bha aige de dhaoine. B’ann air Di-dòmhnaich, la Fheill-brìde 1645 mar dh’éirich a ghrian air bearradh Beinn-Ibheis bha’n dà arm an sás ’na chéile, ach cha b’ fhada bha’m blâr ga chur. Cha d’rinn a chuid bu mhò de dh’ arm Mhic Chailein ach aon dairearach a losgadh, gun làmh a thoirt air claidheamh, no ionnsuidh a thoirt air an nàmhuid. Ann an tiota bha’n ruaig air a chur orra, agus thug gach fear e fein as mar a b’ fhearr a dh’ fheud e. Thug mòran diubh oidheirp gu faighinn air bòrd nan soithichean; bhàthadh a chuid bu mhò dhiubh so, agus ge b’e taobh a ghabh iad leanadh iad le claidhean sgriosach an naimhdean, gan sgathadh sios gun iochd gun tròcair. Lean muinntir Mhontròs an ruaig fad naoi no deich de mhìltean, agus tha e air a ràdh m’an duine fhoghainteach a thòisich am blàr, gun do leag e le làimh fein trì-fir-fhichead. ’Nuair chaidh an ruaig thairis, ’s a smuaintich iad am biadh maidne chur gu h-àird, bha iad nam buidhnibh a’ faighinn bìdh agus goireas chum a dheasachadh; thainig fios gu’m feumadh fear a bha ’n sin a phoit a thoirt thairis do Alastair Mac Cholla; thuirt an duine nach d’ thugadh; gun do choisinn e fein a bhiadh co mhaith ’s a rinn esan, agus nach leigeadh e le Alastair fein a phoit a thoirt uaithe a dheòin na dh’aindeoin. Chaidh so innse do dh’ Alastair, agus bha toil aige fear a bha co ladurna fhaicinn, agus chaidh e chum an àite san robh e; ach an uair a chunnaic am fear eile e, theann e beagan as an rathad, ach lean Alastair e, agus dh’ fhiosraich e c’ainm a bh’air? Chan fhiù, ars’ esan, m’ainms’ fheòraich, cha’n’eil annam ach Ceard beag a mhuinntir Adhoill. ’S truagh, ars’ Alastair, nach bu cheaird gu léir fir Adhoill an diugh. ’S ann a bha’n duine foghainteach so de Chloinn Donnchaidh, agus bu ghobhainn e. Thug Alastair Mac Cholla cliu anabarrach air, chuir e na aonar as de naoi-fir-dheug air a mhaduinn sin Shaoil mi, a deir Alastair, gun [TD 135] d’ rinn mi éuchd cuimseach air a mhaduinn so, le fichead Caimbeulach a mharbhadh, ach bha aon fhear a Chloinn Alastair ann le biodaig dhuibh a chuir as de dh’ fhear air fhichead; agus ’s e gniomh is iongantaiche gun robh Ceard de mhuinntir Adhoill nach robh ach fear goirid air an àireamh cheudna, a leigeadh ris gun do chuir an triùir dhaoine so tri-fichead d’an eascairdidh gu dì. Bu truagh, da rireadh, an casgradh dòineach a bha san àm sin gnàthaicht a dheanamh air muinntir a bha eadar-dhealaichte nam barail, mar bha na daoine so, cuid as leth an righ agus cuid eile air son an creidimh. Tha aobhar againn a bhi taingeil nach ’eil daoin’ a nis co neo-iochdmhor, gharg ’sa bha iad san àm sin, eadhon anns na blàraibh is fuiltich air a bheil iomradh againn. Tha aon sgeul againn mu ghiulan Alastair Mhic Cholla air an là so, a tha leige ris duinn nàdur borb an duine sin. Anns an ruaig, rinneadh prìosanach de’n churaidh thréin, agus fhoghainteach sin, Triath Achnambreachd, a thug iad a dh’ionnsuidh Alastair. Shaoil leis an duine mheasail so, le giùlan séimh suairce, gu ’m maolaicheadh e reasgaichead Alastair, le càileiginn de chàirdeas a mhaoidheadh air. Cha ’n ’eil ag, a deir Alastair, nam biodh ùin againn air nach feudamaid càirdeas a dheanamh a mach. Tha fios agam gur duine uasal measail thu, tighearn Achnambreachd ’an Albuinn, agus fear Dhunlir ’an Eirinn; uime sin tha mi dol a chuir urram ort, do roghainn a thoirt duit, cò dhiubh is fearr leat do chrochadh no do cheann a chur dhìot? Mo thruaigh, a deir an duin’ eireachdail, “dà dhiù gu’n aon roghainn.” Leis a so tharruing Alastair Mac Cholla, an t-eucorach allmharra, a chlaidheamh, agus ghearr e sìos Triath Achnambreachd le aon bhuille. A bhàrr air fear Achnambreachd, thuit mòran de na daoin’ a b’fhearr de’n chinneach, agus cùig ceud deug ceatharnach an là sin aig blàr Inbharlòchaidh. Feudaidh e bith gu’m bi e taitneach le’r luchd leughaidh cunntas fhaotainn o àm gu h-àm air mar thòisich cogadh Mhontròs, agus an cionfath a bh’ air. Bheir sinn oidheirp air sin a dheanamh co riaghailteach ’s as urrainn duinn. T. O. M’an FLORIDA, an Long mhòr Spainndeach. B’ann a bhuineadh an Long so do’n Chàbhlach mhòr Spàindeach a chuireadh chum buaidh a thoirt air Sasunn, ri lìnn Ban-righ Ealasaid sa bhliadhna 1588. Tha fios aig ar luchd-leughaidh gun do chailleadh a chuid bu mhò de ’n Chabhlach anabarrach so air còrsa na h-Alba, agus cha d’fhuair an leth riamh air an ais do ’n Spàind. Fhuair am Florida a stigh do Thobar-Mhuire, ann an Eilean Mhuile, Cala co tearuint ’s a tha air aghaidh an t-saoghail. Bha sìth san àm sin eadar Albuinn agus an Spàind, air chor ’s gu ’n robh càirdeas neo-sgàthach eadar muinntir na Luinge agus muinntir na dùthcha. Cha robh là nach robh uaislean as gach cearna de’n Ghaeltachd a’teachd a dh’fhaicinn na Luinge; agus dh’fhiosraich iad gach aoidheachd agus cairdeas a b’urrainn na Spàindich a nochda dhoibh. Chuala Ban-righ Shasunn mar bha, agus leis an inn- [TD 136] leachd bu mhallaichte air an do smuainticheadh riamh, chaidh aic’ air cur as do’n Luing mhòir so. Ghabh Albannach d’am b’ainm Smollet duais-bhratha chum an Soitheach a chur r’a theine. Chaidh e do’n dùthaich ’an riochd dròbhair, ann an éididh ghaelaich, agus ghabh e ’n cothrom là de na làithibh a bha e air an Luing air gnè theinndich fhàgail air bòrd, far an deanadh e an diubhail bu mhò ’nuair a ghabhadh e. Thàr e gu grad air tìr, agus thug e Sasunn air gun mhoille. Cha deachaidh e ach mu shè mìle air astar ’nuair a fhuair e dearbhadh gu leòir gun do shoirbhich le ’innleachd neo-chneasta. Tha cheart àite air fheuchainn gus an là an diugh far an robh e ’na sheasamh ’nuair a chual e fuaim an t-Soithich ’n trà chaidh i r’a theine. Chaidh an Long as a chéile; agus cha mhòr nach do chailleadh na bh’air bòrd, eadar arm, sgioba, agus dhaoin’ uaisle a thainig a dh’fhaicinn an t-Soithich. Chaidh earrann de chlàr-uachdrach na Luinge air tìr, agus tha e air aithris gu’n deachaidh seisear dhaoine a bha nan seasamh air a shàbhaladh. Bha san Luing so aon de bhan-phrionnsaichean na Spàinde, fhuaradh a corp, agus chuireadh fo thalamh i le urram freagarrach da h-àrd inbhe, anns a Chill Mhorbheinnich, far a’ bheil a chiste chloich anns an robh i air a càramh air a leig’ fhaicinn gus an là an diugh. Tha e air innseadh ann an sean eachdruidh na dùthcha sin gu’n do chuireadh Long dhachaidh as an Spàind a ghiulan air ais a cuirp ga’ dùthaich fein. Tha e mar an ceudna air aithris gu’n d’ iunndraineadh cuid de dh’ uilt a làimhe, agus do réir baraile saobh-chràbhach na lìnne sin, bha tannasg na h-ainnir rioghail so gu tric ri fhaicinn, le soillse na gealaich ag iarraidh nan cnàmh a chailleadh. Bha air bord an t-soithich, ’nuair thainig i gu caladh, eich agus capuill a chaidh a chur a dh’ionaltradh air machraichean Mhuile. Dh’fhuirich iad sin san dùthaich, agus mheudaich iad àilleachd an greidhean each, a bhuanaich gus an lâ an diugh. Fhuair teachdaire righ Bhreatunn san Spàind fios air na bha de stòras air bord am Florida, chaidh Long chogaidh a chur à Sasunn do Thobar-Mhuire an toiseach na h-ochdamh linn deug, le muinntir a rachadh fo ’n uisge, chum gu ’m faigheadh iad an t-airgiod. Fhuaradh cnamhsach na Luinge, agus chaidh iomad ni a thogail, ach cha d’ aidicheadh gun d’ fhuaradh a bheag de’n airgiod. Ach cha do phill an long riamh tuille do Shasunn, bha iad ’am barail gun deachaidh i do’n Fhraing, far an d’fhuirich an sgioba a mhealltuinn na fhuair iad. Anns a bhliadhna 1787, thug an duin’ ainmeil sin Spalding, oidheirp air an ionmhas so fhaotainn, ach dh’fhartluich air, mar dh’ fheudt’ a smuainteachadh, leis mar chaidh cnamhsach na luinge gu h-iomlan fodha ann an criadh agus ’an làthaich. T. O. MU’N CHRUINNE. Ged a theirear gu bheil an talamh cruinn, mar pheiler, feumar a thuigsinn nach eil e dìreach mar sin; chionn gun d’fhuair luchd cruinn-eolais amach, le tomhas, gu bheil iomall tuath agus deas achruinne air an spliachdadh no air an spangach- [TD 137] adh ni’s mô na na h-iomaill dheth a ta soir agus siar. Ann an ceud lìnntean an t-saoghail, cha robh daoine a’ creidsinn gur h-ann cruinn mar so a bha’n talamh; no idir gu’n robh e ’dol mu’n cuairt. Ach o’n a chaidh na lìnntean dorcha seachad, agus o’n a thòisich eòlas ri sgaoileadh feadh gach tìr chriosduidh, tha spéuradairean agus maraichean air uiread de dhearbhannan daingean a thoirt air cruinnead agus air gluasad an t-saoghail, agus gur h-éudar do gach uile inntinn neo-chlaon, neo-leth-bhreitheach aontachadh leò. Agus cò an duine smaointeachail a’s urrainn a ràdh, gu bheil beachd mearachdach aig daoine fòghluinte mu na cùisean sin? Na’m bitheadh, cia mar nach biodh mearachd anns na righailtean a tha iad a tarruing as a bheachd agus as an eòlas a ta aca air nàdur a chruinne? Ach, nach iùl na riaghailtean so long, gu neo mhearachdach, air a taisdeal thar aibheis nan gailbh thonn gu cala sam bith ann an cian-iomall an domhain? Nach roi-innis na spéuradairean, cian-fada m’an tig e, c’uin a bhis dubhar air a ghréin no air a ghealaich, c’uin thig làn no còn-traigh mhòr, agus an lethidean sin? Nach innis deagh mharaiche, ’nuair a chì e sealladh de’n ghréin, an déigh dhi bhi folaichte uaithe fad làithean, agus gun fhearann a bhi ’na fhradharc ré na h-ùine sin,—nach innis e an ceart bhall ’sam bheil e, agus cia mèud mìle a tha e o n tigh, agus o’n do thàirngeadh na riaghailtean ceart mar an ceudna? Agus nach ’eil daoine air muir agus air tìr ag earbsadh am beatha ris an eòlas so? Cha’n’eil e’na chunnuil sam bith an aghaidh gluasad a chruinne nach eil sinne ’ga mhothachadh a’ dol mu’n cuairt, ni’s mò na bhiodh e do neach ’na shuidhe ann an càbin luinge, ’si siubhal ann an uisge lòm, a ràdh, nach robh i idir a’ gluasad, a chionn nach robh esan ’ga mothachadh a’ gluasad. Ach their cuid de mhuinntir, “Ma tha ’n saoghal a dol mu’n cuairt, cha’n fhaca sinn an cnoc ud, no bheinn ud, riamh a’ carachadh as an àite.” A nise, is cainnt so cho neo-thùrail ’s a’s urrainn teachd amach a ceann duine: chionn, cuimhnicheadh a mhuinntir a ta gnàthachadh na cunnuil so, nach eil daoine fòghluimte ag ràdh, “Tha’n cnoc ud no bheinn ud a’ gluasad, uair’s na ceithir uaire fichead, agus a chuid eile de’n t-saoghal a’ stad, ach gur h-ann a tha iad ag ràdh gu bheil an talamh gu h-iomlan ag iath ’s an ùine sin; agus, air an aobhar sin, gu bheil na cnoic agus na daoine, ’sa h-uile ni eile, air an giùlan mu’n cuairt còmhla, agus gu’m féum a h-uile nì, uime sin, fuireach daonnan’s an aon imeachd da chéile. “Ach,” arsa fear eile, “Ma tha ’n talamh a’dol mu’n cuairt, feumaidh e bhi gu’m bi mo cheann fodham ’s mi’n crochadh air chasan ris an t-saoghal còrr uair, agus cia mar an sin nach eil mi tuiteam dheth?” Tha thu glé cheart, ach cha’n ann a mhàin còrr uair a ta do cheann fothad, agus tu’n crochadh ris an talamh air chasan, ach a h-uile latha agus oi’che dhe d’ bheatha; agus cha’n e mhâin thusa, ach a h-uile creutair eile a ta air uachdar a chruinne. Cuimhnich, ge b’e ionad de’n talamh air am bi thu, gu’m faic thu spéur [TD 138] os do cheann agus teagaisgeadh so dhuit gu bheil an talamh ag iath ann am failbhe,* agus air a chumail ’na shiubhal an sin le cumhachd iongantach an Tì a’s Airde’; agus thoir fainear nach eil a leithid de nithean agus uachdar ’us iochdar, no shios agus shuas, idir aig an talamh; ach nach eil anns na briathran sin ach facail a ta ciallachadh, an suidheachadh anns am bheil an cruinne a thaobh na greine, agus nan réultan, agus nan àirdean, chionn a mhuinntir a tha bonn ri bonn ruinne air taobh eile an t-saoghail, their iad sios ri ar suas-ne, agus sinne suas ri an sios-san. Agus a thaobh cia mar nach ’eil thu a’ tuiteam dhe’n chruinne, an do smuainich thu riamh cia mar nach’eil na clachan mòra agus na h-aitreabhan stuadhach a tuiteam dheth? a chionn cha’n ’eil ni faicsinneach sam bith ’gan ceangal sin ris an talamh ni’s mo na tha ’gad cheangal-sa, agus tha an cinn fòdhpa aig gach àm mar a ta do cheann-sa. Agus gidheadh, cia b’e ionad de’n talamh air am bi thu, ma thilgeas tu clach sios rathad an athair, no ma leumas tu fein ann, tillidh araon a chlach agus tu fein air ’ur n-ais gus am buail sibh an talamh, agus gabhaidh sibh a rìs an suidheachadh a bh’ agaibh roimhe. ’Nuair a smuainicheas tu cia mar nach eil na clachan agus na tighean a tuiteam ’san speur, tuigidh tu cia mar nach eil thu fêin a tuiteam, agus bi’dh fhios agad gu bheil neart ris-thàirngeach† air a suidheachadh ann am meadhoin a chruinne, agus gu bheil an neart so a tàladh rithe fein a h-uile ni sam bith a reir an caochladh tailce‡ no dinnidh; agus, air an aobhar sin, a cumail ri cheile gach smodan a ta air, no anns a chruinne, agus mar so tha daoine a siubhal gach rathad air aghaidh an t-saoghail gun chunnart sam bith tuiteam dheth. A. B. R. Dealachadh Hector agus Andromache. Chaidh an Dàn a leanas eadar-theangachadh le Mr Eoghann MacLachlainn, an Gael ainmeil caomh-chridheach ceanalta, a chaochail o cheann bheagan bhliadhnaichean an Obair-raidhean. Cha ’n ’eil Dàn sa Chànmhuin Ghréugaich a thug bàrr air an aon so, agus da rìreadh cha do chaill e a bheag d’a àilleachd le chur sa Ghaelic. B’e Hector mac Righ na Tròidhe: bi Andromache a bhean phòsda, bha baile mor na Tròidhe air a shéisdeadh air an àm so leis na Greugaich. Air do Hector agus do Andromache dealachadh, cha do thachair iad a rìs. Chual’ e, ’s ghreas air ais romh ’n t-sràid Seach sreithean thigh àrd nan cliar; ’S thuit gun d’ fhuair e ’ghaol a’ bròn Lamh ri còmhlaidh mhòir nan sgiath. * Ann an ionad falamh, gun ni sam bith a’ cumail taice ris, ’se sin, “an crochadh air neŏ-ni.” † ’S e sin, neart a tha tarruing ris féin, no d’a ionnsuidh fein, a h-uile ni air bith a reir an cudrom. An cudrom a mhothaicheas sinne ann an ni sam bith air am beir sinn, ’se sin a chumhachd a ta neart ris-thàirngneach a chruinne ag oibreachadh air an ni sin gus a tharruing uainne dh’ionnsuidh an àite anns am bheil a chumhachd so fein air a suidheachadh. ’se sin teis-meadhoin a chruinne. ‡ Le tailc no dinneadh, thu sinn ri thuigsinn dluth-chàradh susbaint sam bith air a chèile. Mar a’s tinne brigh sam bith, ’s ann a’s tailceile e. Is tailceile, luaidhe na fiodh, clach na càise, càise na buntàta, agus mar sin sios. [TD 139] Chunnaic bean mhaiseach nam béus, 5 ’S le plosg éibhnis leum ’na dhàil, (Andromache chaoin gun lochd A fhuair dìleab’san toic làin;) Nighean Elioin bu chian cliù, Sluagh Chilicia ’lùb do’n triath, 10 Thébe, cathair an laoich àigh, ’S Hippoplacus nan sgàil ciar. Air cìch na h’òighe ri ’taobh Bha’n geal-mhicein aobhach, ùr, A ghnùis fhiamh-ghàireach mar réull 15 A dh’éireadh ’sa chéitein chiùin. Scamandrius, ’o shruth nan sealbh, Rinn Hector a ghairm do’n òg Astijanax ’ainm o’ chàch, ’Thaobh an t-suinn bu sgàth do Thròidh. 20 Snodhadh sòlais rinn an laoch, ’S thòisich faoilt an t-aigneadh mòr. Sheall gu tiamhai ’n Righbhean àigh; Ghlac i ’làmh, ’s thuirt briathran bròin. Le h-osnaich ’o ghrunnd a cléibh, 25 Chìt’a bràighe ’g éiridh dlùth, Airteal ’s na maildhean a’ snàmh, S na deòir làn air chrith ’san t-sùil. ’S olc, a Rùin! gun t-fhaicill géur: Bheir àrd-mhisneach t-éug roimh ’n àm!— 30 Gabh truas do t-aon-mhnaoi, a ghaoil! ’S do d’ mhaotharan caointeach, fann! ’S dìlleachdan esan gun taic, ’S banntrach mis’ an astail fhuair; ’S dall-oidchhe bhròin i bho’n là 35 Théid thus’ a laoich àigh ’s an uaigh. Còmhrag aon-fhir fhad ’s bu bheus Cha diongadh a’ Ghréig ort buaidh: Nis thig am mòr-fheachd a bhéum ’S torchrar mo dheagh-thréun le ’n cruaidh! 40 Mum faic mi sealladh a chràidh Leagar mo chreubh tràth fo’n fhòid; ’S crìonadh as ’o thùs gu déis Aimsir ghearr mo réith ’am bròn. Gun athair, gun mhàthair chaoin 45 A lughdaicheadh fàth mo dhéur; Bhrisd an t-Aicheall ar stuagh àrd, ’S chuir tein’ i ’na smal ’s a’ spéur Thuit m’athair le sonn nan ruag Ach ghabh e féin truas don mharbh; 50 Oir loisg e ’n corp air a’ bhlàr ’S éideadh aluinn nan sàr dhealbh. Dh’adhlaic e’n luath’ san fheart mhòr; ’S chairich teaghlach Iobh nan nial, Ribhinnean sith nam beann àrd, 55 Dosraich ghéug mun fhàl, ga dhion. Mo mhàthair a ghléidh fo smachd Hippoplac’ nan glac ’s nan craobh; Sguab e leis anns an luing luaith Gu raon Thróidh thair chuan le ’mhaoin. 60 Dh’ fhuasgladh a bhan-rìgh fa dheòidh; Air cheannach òir dh’fhalbh i saor; Chnàmh mulad ise ’na cùirt fein ’S gaithean Phæbe nan ruinn caol. Ach ’s athair thusa air mo sgàth 65 ’S màthair thu ’s is bràthair caoin, Ath-chosgar iad sud gu léir An uair is éug dhuits’ a ghaoil! Cùram fir, is athair thlàth Gabh do d’ mhnaoi ’s do d’phàisdein bròin. 70 O! na fàg esan gun stuaigh ’S mis’ am bhanntraich thruaigh gun treòir.— Seall tu ’m biùbhaidh garg a strìgh Mun chraoibh fhigis faisg do’n Tròidh, Fans’ aig an tùr ud ri gléus 75 ’S cum ’nan draip a Ghréid ’s a slòigh. So ionad ’s am breòite ’n stuagh; Tri uairean le h-ionnsuidh ghairbh Mhosgail Ajax, ’s an dà rĭgh, ’S Idomen nach mìn’am féirg. 80 Diomed uaibhreach nan garg-bheairt, ’S fior ghaisgich nam feachd fo’n iùl; Mhaom tri uairean le’n lan-neart ’S shaoil iad gun ghrad-ghlacte’n dùn: Co dhiu ’s gaisg’a ghluais an gniomh 85 No sanais nan dia bith-bhuan: Ach gleachdadh càch far am miann, Biosa ’n so, ’s thoir dìon do d’-shluagh, Thuirt Hector bu mhòrach gnùis; ’S leamsa ’chùram sin gu léir; 90 Iomlaid ga’n éirich o ’n chùis Chi mise, ’s bheir iùil ga réir. [TD 140] Ciod a labhradh gaisgich Thròidh S oighean nan sròl sguabach slim, Na’m faicte meath air mo threòir 95 Stad feachd orm mar dheoruidh tìm? Tha m’ aigneadh air ghoil gu gléus ’S nòs lium euchd air bhéul mo shluaigh; B’ àrd m’athair ’an cliù nan arm, ’S cha mhill mis’ an t-ainm ri m’ luath. 100 Ach thig oirnn an dàn gun bhréug, (’S goirt mo chridh, ’s mo bheul’ga luaìdh!) Aomaidh Tròidh mhòrach gu làr, ’S crion-sheargaidh a h-àgh ’s a h-uaill. Ga geur an taisbein so m’ leon 105 Neart mo shlòigh ga’n sgrios le h-àr, Bàs mo mhàthar, m’athar gaoil ’S a chiabh aosd’ am fuil a snàmh. Mo bràthairean sìnt’ air an tràigh A’ plosgail fo spàirn an éig; 110 ’S géire na sud uile ’m’ chràdh Thus’ a ghràidh! ’s gach pràmh tha d’ dhéigh. T’ fhaicinn gu bochd, tùrsach, fann, Air bhall-chrith fo ’n t-slabhraidh chruaidh; Ga d’ bhuin leò mar thràill do ’n Ghréig 115 A dhealbh sgéul air éideadh nuadh; Fo smachd nam Buadhach gun bhàigh, ’S tu ’g iomchar làn-chuinneag trom: Their iadsan, ’s tusa ga d’ chnàmh, Feuch bean Hectoir àigh nan glonn! 120 Brisdidh do chridhe ’na bhruan ’S beòil gun chaomh a’ luaidh air m’ ainm. Nàire ’dùsgadh mhìle bròn Do smaoin air a’ ghlòir a dh’fhalbh. O gun robh mise ’s an uaigh 125 ’S a chodal bhith-bhuan nach dùisg ’Am chreadhaidh fhuair, seach mu’n cluinn Osnaich ghoirt, no caoidh mo rùin! Thuirt Flath nan arm faobhar-nochd, ’S thairg le sòlas a dhà ghlaic 130 Iathadh mu gheal’-chneas a mhic: Shnaoidh an leanaban le àrd sgairt ’S dhlùthaich ri h-uchd earradh shròil, Na mnà altruim bu chòrr snuagh, Air chrith roimh ghnùis’ athar àigh ’S roimh ’n loinntreadh a dheàrs’ o ’chruaidh, 135 ’S romh’n tiugh-bharr bhabagach ghlas Ga chrathadh mu bheairt nan dos: Ghàir a’ chàraid gu fior-ait Mu’n ni bu cheann-fàth do’n chleas. ’N sin thug laoch mhìlidh nan glonn 140 An t-ùr eideadh farr a chinn, ’S leag gu socrach am ball trom A’ boillsgeadh thair làr an fhuinn. Rìsd ’nuair phòg e ’mhicein gràidh ’S a thog ’na dhà laimh le cuairt, 145 Dh’ asluich e Mòr-Rìgh nan nial, ’S uil’ aitim nan dia bith-bhuan. Thus’ a shoillsich tolg nan spèur, ’S a Mhaithibh nach éug gu bràth, Saoraibh mo mhac o gach béud 150 ’S treòraichibh a cheum gu h-àgh. Coisneadh e mo chliùs’ air chòir A’ dìdinn a shlòigh, ’s a Righ ’S aithn’gheadh a Bhiùbhaidh ’s gach beum Hector euchdach na h-ath-linn. 155 Air pilleadh o strìth nam buadh A’ giùlan faoibh ruaidh an àir, Eubhadh Tròidhich le h-aon-ghaoir “Thug an Laoch s’ air athair bàrr!” Cridh’ a mhàthar, thair gach tè, 160 Le h-éibhneas a’ léum ’na cliabh ’S alladh cian-sgaoileadh gach beòil A sior-aithris sgeòil a ghniomh. An sin le dùr bheachd a ghaoil Dh’ aisig e’m Beag maoth g’a Rùn; 165 Chuir is’ a bhéul ri’ geal’ chĭch Air uchd spìsridh nan seud ùr. Bhréug i’n sin e gu clos-thàmh ’S sheall le gàir’ air a ghlan ghnùis: Ach chlaon fiamh a gean gu neòil, 170 S thuit na deòir bho’ meall-shùil chiuin. Mhaothaich ’na chom crìdh’an tréin; Ghlac e leug nam béus air laìmh; Shiab e’n lionn driùchdach ’o ’gruaidh, ’S leag e’smuairein le cainnt thlăth:— 175 ’Ulaidh m’ anma, thair gach mnaoi, [TD 141] Cum na chaochail bròn do shnuagh; Arm biùbhaidh cha diong mo bhàs Romh’n cheart là’s an dàn domh’n, Uaigh. Cha d’fhuair bith, gu’n fhàgail féin, 180 Neach fo’n ghréin cha snaoidh an t-àm, Teicheadh no strìth cha dearbh féum, ’S dual do’n éug an tréun, ’s am fann. Pill sa ’nis’, a ghaoil! gu d’ ghniomh, Stiùr le h-iùl an Sniomh’s a Bheairt, 185 Dhòmhsa ’s còir bhi triall gu m’ chliù; ’S àite mìlidh tùs nan gleachd. ’Labhair e, ’s ghrad-chuir mu’cheann Eideadh dosach nam bab fionn: Phìll ise gu déurach, trom, 190 Bho chòmhradh mil-bhlasd’ an t-suinn. Sùil thair ghualainn air gach céum, Fhad ’s bu léur dhi’n gaisgeach mòr: ’S air teachd dhi gu’ lùchuirt féin Leig i’n t-srian leis a’ghéur-bhròn. 195 Chual’ an Bannal reachd a cléibh, Thog iad gu léir an eigh thruagh A’ tursa mu’n Bheò cho ghoirt, ’S ge d’ adhlaict’ a chorp ’s an uaigh.— E. M‘L. (ORAN O’N AILLEAGAN) Throd mo bhean, ’s gun throd i rium. Throd mo bhean, ’s gun throd i rium, Ghabh i mi-thlachd agus dium: ’Us o nach b’ àbhaist dh’i trod rium, Gun throd mi, chionn gun throd i rium. ’S ann a thu’irt i rium, gu dùr, Gum bu bhodach mi gun tùr, Nach iarradh làmh a chur ri tùrn, Ach iomairt cùirn gu soistinneach. S ann a labhair i gu fiat’, ’Mar nach deanainn stà dh’i riamh, ’S a thu’irt i rium gur beag a b’fhiach Na rinn mi ghniomh’s de chosnadh dh’i. “Dh-fhàg thu mise ’n càs gu leòr Leis a ghràdh a thug thu’n phòit, ’S cha-n aithreach leat mar tha mo sheòl, Ged tha mi brònach, bochduinneach. Cha’n’eil airgiod,—cha-n’eil spréidh— Cha-n’eil agam fiu a bhréid A théid do chlachan no gu féill. Le d’ ghnàs mi-bhéusach, mosachail. Dh-òl thu, mhoisein.—dh-òl thu bhò Bha ’gar beathachadh gach lò— ’S gur math mur h-òl thu’n daghainn bhròg A th’ air do spògan rosadach. Cha-n ioghnadh peanas agus plàigh A thuiteam air do cheann gun dail, ’S mar rinn thu mise ’mheath ’sa chràdh Le d’ ruidht, a bhàraisg shoganaich! Clos cha-n fhaigh mi feadh na h-oich’. ’S mi ’nam chrùban, làn de dh-oillt Gun tachdar thu, le d’ bhrùchdail roic, ’S tu air do shloichd ’s an ospartaich. Tha do chlann gun mheas, gun bhéus, Direach mar a tha thu féin, Gun mhath, gun rath, gun sùrd gu féum:— Gur truagh an té tha’n crochadh ribh. An aodach, tha e ribeach, lom, Lom-lan phuathag agus tholl; ’S tha’n cridh’ air sgàineadh ann am chom A nigheadh ronn ’us òtraich as. Ach Donull Bàn, a bhean, ’s a chlann, Muinntir an tigh òsd ad thall, Gur riomhach, ròiceil, iad, neo-ghann, Air sàilleamh sannt do ghlocain-se. Och nan och! gur mis’ tha truagh: B’ fhearr gun robh mi anns an uaigh, Na bhi pòsta riut, a thruaill, A dhuine shuarraich, shocharaich!” S. M. MU FHIOSACHD. FEUDAIDH sinn a ràdh gun deach làithean na fiosachd seachad: Agus feudaidh sinn a ràdh mu luchd na drùidheachd, mar thuirt an duin’ eile mu na bòchdain, gun do theich iad ’nuair thainig an là. Gun do theich bràithreachas na fiosachd roimh shoilleireachd an t-Soisgeil; oir cha ’n ’eil neach air [TD 142] bith a fhuair làn eòlas air an fhìrinn nach ’eil a’ sealltuinn air luchd-drùidheachd mar ni faoin. Ach ged a tha sinn a’ smuainteachadh mar so mu luchd na drùidheachd, cha’n’eil sinn am barail nach feud Dia, agus nach ’eil e a’ leigeadh ris air ioma dòigh cuid de na nithe a ta ri tachairt. Is mòr an earbs’ a bha aig âireamh lionmhor de shluagh nan ceud lìnnean ann an drùidheachd. Am bitheantas cha’n inntrinneadh duin’ air bith air dreuchd ùr gun chomhairle nan drùidhean iarruidh. Cha deanadh iad cogadh, agus cha’n àiticheadh iad tìr neo-àitichte; cha ghabhadh iad os làimh ni cudthromach air bith a dheanamh, coitchionn no uaigneach gun chomhairle nan dée an toiseach asluchadh mu thimchioll. B’ iad sluagh na h-Eiphit, Asiria, na Gréig, agus na Ròimhe bu mhò a bha géilleadh do ’n mhealladh so; agus le sin nach ’eil e dearbhta gur ann o shean bheul-aithris a thainig e; agus gur ann a thug e a thoiseach o aidmheil agus aoradh an De bheo? Cha ghabh e cur ’an teagamh nach robh Dia, roimh an dìle ruaidh, a’ foillseachadh a thoil do’n chinne-daonna air iomad seòl, mar rinn e o sin da shluagh, le ghuth, le aingil, no le fàidhean air an deachdadh le a Spiorad, agus le tannasgan, no ann am bruadaraibh. ’Nuair a sgaoil an sluagh uile an déigh na dìle thug iad am beul-aithris so leò, agus ghleidh iad e, ged a bha e air atharrachadh agus air a thruailleadh le dorchadas agus aineolas iodhol-aoraidh. Chaidh cuid mhòr de ’n t-sluagh am fad, agus mo thruaighe! dhì-chuimhnich iad an Dia fìor. Thuit dorchadas orra, agus bha iad nan suidhe ann an sgàile bhàis; a’ tabhairt aoradh do gach ni ach do Dhia; bha an dée co lionmhor ris na cnàimhich. Agus ma bha an dée lionmhor, bha an sagairt deich uairean ni bu lionmhoire. Far am bi aineolas bi’dh eagal. Do ghnà iomaguineach m’an àm ri teachd, bha ’n sluagh gach là a’ fiosrachadh o na sagairtibh, (d’ an d’ thug, ma dh’ fheudar iad fein a chreidsinn, na dée fios air gach ni) ciod e a bha ri tachairt doibh. ’S ann air fiosachd a bha na sagairt a’ tighinn beo, agus le sin feudar a thuigsinn gur iomad iobairt agus duais a dh’ fheumadh na dee m’an d’ thugadh iad freagradh am bitheantas co duilich a thuigsinn ris a cheisd. Ann an neart nan gnothaichean dheanadh na sagairt fiosrachadh fada thall mu thimchioll na ceisd a bha ri fhuasgladh, agus, fhreagradh iad i mar bha e coltach a thachradh, no ann am briathraibh a bhiodh fior, cia mar air bith a thachradh. Chaidh fear cogaidh ainmeil roimhe so a dh’ fheòraich do ghuth-àite àraidh, an rachadh e a chogadh ri nàmhaid a dh’ainmich e. Fhreagair an guth-àite e, Ma théid thu a chogadh ris millidh tu rioghachd mhòr; a’fàgail, bheir gach neach an aire, an teagamh co dhiubh bha e cialluchadh gu’m milleadh e a rioghachd fein, no rioghachd a nàmhuid ’S ann le mealltoireachd mar so a bha na sagairt a’dalladh an t-sluaigh, agus nan tachradh e gun d’thugadh neach bu ghéire na càch àire do’n cheilg, cha b’ann dà-san a b’ fhearr. Bhrosnaicheadh na sagairt fearg an t-sluaigh na ’aghaidh, ag ràdh, is duine cunnartach an neach so, tha e deanamh tàir, cha’n e mhàin oirbh fein, ach air na dée: biodh e air a ghlacadh, agus air a mharbhadh gun stad. [TD 143] Mar so le mòr-chuis, mealltoireachd, agus an-iochd, chum na sagairt suas meas fiosachd, gus an d’ fhuadaich solus an t-soisgeil air falbh an ceathach a bha ceiltinn an gràinealachd. Cò is urrainn sealltuinn air ais gun achdain thròm a tharruing air son baoghaltachd an t-sluaigh a bha creidsinn nan itheadh na cearcan air a leithid so de dhòigh, nan seinneadh eoin air a leithid so de làimh, no mar biodh an grù’an slàn ann am beathach a rachadh a mharbhadh, gun robh olc ri tachairt. ’Nuair a bhiodh daoine dol a a thòiseach air riaghladh, dh’ éireadh iad gu moch sa mhaduinn, agus bheireadh iad aon de na drùidhean leo. An déigh ùrnuighean àraidh a bhi air an aithris leosan, ghlaodhadh e amach, Chunnaic mi dealanach air an làimh chlì, agus is manadh maith e. Thuirt a chailleach chearc aon là ri P. Candius, tha olc am manadh dhuit, oir cha’n ith na cearcan biadh. Mar ith, thuirt esan, ann am feirg, tilg anns a mhuir iad, agus òladh iad. An déigh so choinnich e a nàmhuid—thug e blàr—chaidh an ruaig air, agus chaill e a chàbhlach. Nach feudadh so tachairt ged itheadh na cearcan biadh? Bha rochdail an fhithich air an laimh dheis, agus na feannaig air an laimh chlì, air a mheas na mhanadh maith; agus mar an ceudna, am fitheach air an laimh chli, agus an fheannag air an laimh dheis, na dhroch mhanadh. Nan éireadh do dhuine an àm gabhail a bhìdh gu’n dòirteadh e an soitheach salainn, cha bhiodh iad gun eagal; ach nan éireadh do mhadadh an rathad ac’ a chrosgadh ann an àit’ uaigneach, phlosgadh an cridhe le h-uamhas, Nan d’ thigeadh am beathach a bhiodh iad a’ dol a dh’ iobradh a dh’ ionnsuidh na h-altaire gun strìgh a dheanamh, nan seasadh e, gun tuiteadh e leis a cheud bhuille, agus nan ruidheadh an fhuil as gu réidh, bu chomharradh maith e. Bha cuid eile de na cealgairean so a’ dalladh an t-sluaigh le speuradaireachd. B’ann air mullach teampuill àrda far am biodh sealladh ac’ air uile rionnagan an adhair, a dheanadh an speuradair fiosachd. Na shuidhe air a bhinnean a b’àirde, currachd biorach air a cheann, agus falluing rìomhach air a stiallachadh le corcur agus sgàrlaid mu cholainn, roinneadh e na h-earrannaibh an iarmailt, le bata crom a bhiodh e a’ giùlan, agus an taobh a stigh do chunntas àraidh de na h-earrannan so dheanadh e fiosachd ni’s leòir. Nan tachradh olc air bith do dhuine, theireadh an speuradair, Is faa o chunnaic mi gur ann mar sin a bhitheadh. Rugadh an duine bochd fo a leithid so de rionnaig, ann an leithid so de dh’ àite. Ach a nis dh’ iarramaid cead fheòraich de’n speuradair, C’arson nach d’ éirich a cheart ni do na h-uile duine a rugadh fo’n rionnaig so, ma bha cumhachd aice mu thimchioll ciod a bha ri tachairt do dh’aon duine? Cha robh troma-lighe a bhruthadh fear, no goile euslainteach, no bruadar a chuireadh gu maoidhm fear a chinn anfhainn, nach soilleiricheadh an duine so. Dh’fheudamaid mìle dearbhadh a thoirt seachad, gur ann a bha na h-uile taibhs’, dreug, guth, &c. &c. a bha cur triobluid air ar sìnnsireachd ag éiridh an dara cuid o cheann anfhann agus goile salach, no o aingidheachd agus cuilbheartan dhaoine; ach leigidh sinn leis gu Teachdaire eile. LETH-GHAEL. CRONACHADH BUADHAIL. Air do Mr. Romaine aon là bhi ’g imeachd air an t-sràid maille ri duin’ uasal eile chual e duine [TD 144] truagh a’ gairm air Dia a mhallachadh. Sheas Mr. R., thug e a mach leth-chrùn, agus thairg se e do’n duine, ag ràdh, “A charaid bheir mi so dhuit ma dh’ ath-aithriseas tu an guidhe ud a rìs.” Chlisg an duine: “Ciod!” A dhuin’ uasail ars’ esan, “am bheil sibh am barail gu’n sgriosainn m’ anam air son leth chruin?” Fhreagair Mr. R., “A thaobh ’s gu’n d’ rinn thu an tràths’ e gun ni sam bith, cha do shaoil leamsa gu’n diùltadh tu a dheanamh air son duais!” Air do’n achmhasan so drùghadh air an truaghan bhochd, mar bha Mr. R. a’ guidhe, fhreagair e, “Gu’m beannaich agus gun duaisich an Tighearna sibh, a Dhuin’ uasail co air bith sibh m’ anam: Tha mi’n dùil nach dean mi mionnan gu bràth tuille fhad ’s is beò mi.” AM BRAIGHEACH. EISIMPLEIR URRAMACH. Chuireadh impidh air Mr. Dod, ministeir urramach aon uair cluich air chairtibh, dh’ éirich e o shuidheachan, agus thug e dheth ’ad. Dh’ fharraid a chuideachd ris ciod a bha e dol a dheanamh. Fhreagair e, “Tha mi dol a dh’ iarraidh beannachd Dhe.” Air bàll ghlaodh iad a mach le aon ghuth, “Cha’n àbhaist duinne beannachd iarraidh air a leithid so a dh’ aobhar.” “Mar ’eadh,” ars’ esan “Cha’n àbhaist dhomhsa toiseachadh ri ni sam bith ach ni air an urrainn, agus air am feud mi beannachd Dhe iarraidh.” AM BRAIGHEACH. FOCAL ’NA THRATH. Thachair do Mr. Eachann Mac Phail Ministeir urramach diadhaidh a bh’ann an Sgire Ruighe-Sholuis, a bhi aon uair a’ gabhail an aiseig thar Port Ard-nan-saor, agus e dol dhachaidh; aig an àm, thuit do Shaighdear a bhi na sheasamh aig taobh deas a chaolais, fagus do’n bhata, bha ri mionnaibh agus ri mallachadh grathail, agus a’ tiomnadh anama fein do’n diabhol. “Amen” arsa Mr. M‘Phail, ’nuair a chual e an duine truagh ag òrduchadh anam do’n aibhisteir. An sin sheòl am bàta gus an taobh eile. Air ball tre ghràs agus mòr thròcair Dhe, rinn am focal a leithid a dhrùghadh agus a ghreim air an t-shaighdear, air dhoigh ’s gu’m b’eiginn dha’n t-aiseag a’ghabhail, agus ruith co luath ’sa b’urrainn e an deigh Mr. M‘P. agus rug e air, air taobh tuath na Canaraich.—bheannuicheadh am focal agus comhairle an Diadhaire urramaich mar mheadhon chum an Saighdear a thoirt gu eòlas slainteil air Iosa Criosd. AM BRAIGHEACH. NAIGHEACHDAN. Thainig an righ a dh’ fhòcradh o’n Fhràing agus a theaghlach, d’an sean chairtealan, Lùchuirt an Righ an Dun-eidean, far a’bheil a mhiann orra tuineachadh. Tha fhashast mòran buaireis an iomad àite de Thìr-mhòr na h-Eorpa, gu h-àraidh san Olainde; ach tha dòchas againn gu’n d’ thig iad gu beachd is sìochaile, agus gun traoigh an aimhreit mhi-riaghailteach, a dh’ éirich gu mi-shonadh ’nam measg. Tha’n Fhràing a’ cur feachd anabarrach an àird, ach c’ar son, cha’n aithne dhuinn. Dh’òrduich iad àireamh mhòr de Ghunnaichean (cùig ceud mìle) a Sasunn o cheann ghoirid. Is duilich leinn e bhi againn ri ràdh, gu bheil Eirinn ann an cor ro-bhuaireasach, le deanadas dhaoine aig nach eil’ maith na Rioghachd ’nam beachd. Ach tha dòchas againn gu’m faic iad am mearachd m’am bi e tuille ’s fadalach. Tha’m bàrr, mar is pailte, cruinn a nis, agus is maith an comhar’ air gu bheil a mhin a’ sìor thuiteam. Bha ’n Fhéill-mìcheil na mhargadh ni b’fhearr air son luach na spréidhe na bha na margaidhean a bh’air thoiseach air. Tha Ceaird agus cosnadh a’ deanamh gu maith, agus tha deagh mhiagh air cosnaichean; agus tha ’chlòimh a’dol an daoiread. [TD 145] AN TEACHDAIRE GAELACH. A CHEUD MHIOS DE’N GHEAMHRADH. XIX. AIREAMH. 1830. IDUMEA. An fhàisneachd mu thimchioll léir-sgrios na tìre so. FEUCH! tuitidh mo chlaidheamh air tir Idumea, agus air an t-sluagh a mhallaich mise chum breitheanais. O àl gu h-àl bithidh i fàs; gu lìnn nan lìnn cha téid aon neach troimpe.” Isa. xxxiv. “Oir feuch, nì mise beag thu am measg nan cinneach, agus suarrach am measg dhaoine. Rinn do mhòr-chumhachd do mhealladh, uabhar do chridhe, O! thusa ta’g àiteachadh uamha na carraig, ta gleidheadh àirde a chnuic: ged dhean thu gu h-àrd, mar an iolair, do nead, as a sin bheir mise nuas thu, deir an Tighearna. Agus bithidh Edom ’na fhàsach; bithidh uamhunn air gach neach a théid seachad air, agus nì iad sgeig m’a uile léir-sgrios.” Isa. xlix. 15, 16, 17. “Mar so ni mi léir-sgrios air sliabh Sheir, agus gearraidh mi uaithe an ti théid a mach agus an ti a philleas air ais.” Esec. xxxv. 7. Is uamhasach an fhàisneachd so mu thimchioll tìr Edoim agus Idumea, agus is lionmhor fàisneachd a tha anns na leabhraichibh naomha, de’n t-seòrsa cheudna ’an aghaidh nan dùthchan truagh sin. Cha’n’eil an diugh air aghaidh an t-saoghail dùthaich a bha cho àrd mheasail, agus air a h-àiteachadh le sluagh co cumhachdach, air an d’ thainig sgrios co iomlan ’s a thainig air tir Idumea, far an robh sliochd Esau rè iomad lìnn a chòmhnuidh. Tha cor na tìre so a togail dearbhadh laidir air fìrinn focail De. Tha môran soilleireachd air a thoirt duinn m’an fhearann so, le luchd turuis ainmeil a sgriobh eachdraidh nan cearnaibh sin o cheann ghoirid; agus an t-eolas a tharruing sinn uatha-san, bu mhiann leinn a nis a cho’-pairteachadh r’ ar luchd-dùthcha. Tha ’n tìr sin mu bheil sinn a labhairt air a suidheachaidh air taobh na h-àirde deas do thîr Iudea agus Mhoaib, agus air taobh na h-àird an Iar do Arabia Petrea, agus a’ sìneadh a mach mu dheas gu eirthir na Mara-ruaidhe. Tha Volney, fear-turuis ainmeil, a chuir a mach leabhar o cheann ioma bliadhna, ag innse dhuinn nach ’eil mòran fiosrachaidh aig daoine mu’n tìr so, nach ’eil fear-turuis ann a chaidh fhathast troimpe, ach gu’n do choinnich Arabaich e a dh’ innis da gun robh an dùthaich so gu léir na h-ann dìthreabh mhòir, agus ann an turus thrì làithean [TD 146] gun deachaidh iad troimh làraichean briste deich bailte fichead de bhailtean mòra, ’s gun a nis aon dùile bheo a thàmh annta, ach gur ann a tha iad nan ionad-tàimh aig nathraichibh nimhe, ionnas gur cunnartach do dhuine dol seachad oirre. Bha Edom na rioghachd air thoiseach air Israel, mar chi sinn ann an leabhar Genesis xxxvi, 31, far a’ bheil righrean na Dùthcha sin air an ainmeachadh, agus far a bheil e air a ràdh, gun robh iad ann fada man do rioghaich righ sam bith air Cloinn Israeil. Bha ’n dùthaich so ro tharbhach. So am beannachd a ghealladh do Esau le athair air leaba bhàis, Ann an reamhrachd na talmhuinn bithidh do chòmhnuidh; agus tha e soilleir gun robh an tìr so air a deagh àiteachadh, oir ’nuair dh’ iarr Maois cead dol troimpe, gheall e nach rachadh iad tre achadh sam bith, no tre am fìon-liosan, ach gu’n imicheadh iad air rathad mòr an righ, gun dochair sam bith a dheanamh, Air. xx. 17. ’S ann san Dùthaich so a bha Iob a chòmhnuidh aig an robh beartas co mòr, agus treudan co lionmhor. San àm san d’ thainig sgrios air Ierusalem, tha Iosephus ag innse dhuinn gun robh muinntir na tìre so co lionmhor ris na h-Iùdhaich; agus an uair a thainig Titus ’an aghaidh a bhaile mhòir sin gun do chuir Idumea deich mìle fichead fear a mach ’na ’aghaidh, a chòmhnadh leis na h-Iudhaich. B ’e Petra ceanna-bhaile na tìre so, agus a reir a chunntais a fhuaradh air o cheann ghoirid, feudar a ràdh nach robh bail’ eile air aghaidh an t-saoghail air a shuidheachadh ann an daighneach nan creag mar bha e. Ge beag ar n-eolas fhathast m’an tìr so, tha ni’s leòir air innseadh a leige ris duinn co’ iomlan ’sa tha ’n fhâidheadaireachd air a coi’lionadh mu thimchioll Idumea, leis na fàidhibh a mhìnicheas duinn am fior bheagan eolais a ta againn m’ an dùthaich so. Tha Isaiah agus Eseciel ag ràdh, o lìnn gu lìnn nach d’ théid neach sam bith troimpe; agus gu’m biodh esan air a ghearradh as a rachadh a mach san tìr sin, agus a philleadh air ais ’Nuair a labhradh na briathra so bha malairt agus eolas eadar Idumea, agus gach cearna de’n t-saoghal. Bha marsontachd na h-aird-an-ear air fad a’dol tre’n tìr so, agus bha rathadan mòra rìoghail a’dol troimpe do gach cearna; agus seachd ceud bliadhna an déigh bàis Ieremiah, bha ’n dùthaich so co ainmeil na linn fein, agus co tearuint imeachd troimpe agus a tha Sasunn an diugh am measg dhùthchaibh na Roinn-eorpa. Cò a shaoileadh gu’n d’thigeadh an là gu bràth anns am biodh e eu-comasach dol troimpe; agus anns am biodh gach neach a dh’ fheuchadh ris air a ghearradh as. Gidheadh ’s ann mar so a thachair; gus an là’n diugh dh’ fhartluich e air gach neach a thug oidheirp air, ach aon dithis, agus thachair dhoibh so mar dh’innis am fàidh, ghearradh as iad. Lionadh e leabhar bu mhô nan Teachdaire, fad bliadhna innseadh a liughad deuchainn a thugadh le luchd-turuis a shiubhail a chuid eile de ’n t-saoghal, Idumea a rannsachadh. Fhuair dithis dhaion’ ainmeil* le mòr shaothair, comas air làrach Phetra, ceanna-bhaile na dùthcha sin a rannsachadh, ni a chosd * Captains Irby and Mangles. [TD 147] doibh barrachd stòrais, na gach turus eile a ghabh iad riamh os laimh. Ach cha d’ fhuair iad so fein dol troimh ’n dùthaich ùile; ach chunnaic iad ni bu leòir chum fìrinn na fàidheadaireachd a dhearbhadh. Ged a tha ’m baile mòr so nis na nochd-làraich gun neach ga àiteachadh, tha gu leoir ri fhaicinn a chur an céill co cumhachdach ’sa bha e na latha fein; agus is dòcha nach ’eil an diugh air aghaidh an t-saoghail àite co aithrigh air a rannsachadh. Chuir an luchd-turuis a dh’ ainmich mi seachad da latha a measg làraichean briste Phetra. Tha ’n dùthaich m’ an cuairt air an àite so àrd agus creagach. Air mullach gach àird agus gach sléibh tha lârach nam ballachan làidir, na turaidean, agus na caisteil mhòra, leis an robh an dùthaich so air a dìon. Tha ’n t-slighe chum Phetra fad da mhìle dh’ astar, a’dol tre ghleann domhain cumhang, eadar chreagan corrach a tha eadar ceithir agus seachd ceud troidh air àirde. Tha so a’ treòrachadh do Choire mòr farsuing far an robh am baile uaibhreach so air a shuidheachadh. Mu thimchioll a Choire mhòir so, tha creagan agus sgàirnich ni’s àirde, agus ni’s caise na aon ni do’n t-seòrsa a chunnaic an luchd-turuis riamh. Ann an aodann nan creagan mòra so, tha uamhachan, no seomraichean môra farsuing, air an gearradh a mach as a charraig, leis an t-snaidheadh is innleachdaich a chunnaic duine riamh. Tha na ceudan diubh so ann an àirde nan creag, air gach taobh de ’n bhaile mhòr; tha ceuman staidhreach air an gearradh mar an ceudna a dìreadh gu cuid de na seomraichean so; ach tha cuid diubh co anabarrach àrd, ’s nach b’ urrainnear a thuigsinn mar chaidh an deanamh, no ciod am feum gus an robh iad. Mar shamhladh air eireachdas agus meud nan àiteachan sin, feudaidh sinn ainmeachadh gun robh iad ann an aon tigh a bha air a chladhach a mach a uchd na Craige, a bha aig muinntir Edoim, mar thigh cluiche a chumadh os ceann trì mìle pearsa, agus goireas eile air son a leithid a dh’ àite, air an snaigheadh as a Charraig, co dòigheil ri aon eaglais san dùthaich. Ann an cuid a dh’àiteachan bha drochaidean air an togail eadar gach stachd a b’ àirde, agus claisean air an gearradh a mach as na creagan a thoirt an uisge o àite gu h-àite. Anns a Ghleann gu h-iosal, far an robh am Baile-mòr tha pàilliuina briste, agus làraichean nan sraidean le’n tighibh rìomhach. Chìtear fathast far an robh na caubhsairean lionmor, na tobràichean cosdail, agus na h-uile ni eile a a dhearbhas gun robh am baile so ainmeil agus cumhachdach r’a lìnn fein; agus an déigh a chunntais a thug sinn air tuigear cainnt Isaiah ’n uair tha e ’g ràdh, “O thusa ta ’g àiteachadh uamha na carraig, ta gleidheadh àirde a chnuic: ged dhean thu gu h-àrd, mar an iolair do nead, as a sin bheir mise nuas thu, deir an Tighearna.” Isa. xlix. 16. Tha mar an ceudna soilleireachd againn anns an eachdraidh so, air cainnt Obadiah, 3 rann “Mheall uabhar do chridhe thu, O thusa ta chòmhnuidh an sgeiribh nan creag, annad chòmhnuidh àrd a ta ’g ràdh ann ad chridhe, Cò bheir mi chum an làir?” Agus thachair so, thàinig leir-sgrios buileach air Edom. Na h-Arabaich iad fein aig nach’eil dachaidh ach am fàsach, d’ an gnà bhi siubhal o àite gu h-àite, cha d’thig iad a [TD 148] chòir nan làraichean aosda so; cha ’n’eil guth duine beo r’a chluinntinn ’nam measg; ach mar thuirt Isaiah e, “Tha’n droighionn a’ fàs ’na lùchairtibh; an eanntagach agus an dris ’na daingnichibh; agus bithidh i na fàrdaich aig dràgonaibh, na h-àros aig nigheanaibh na comhachaig. Agus coinnichidh fiadh-bheathaichean an fhàsaich agus fiadh-bheathaichean na macharach a chéile: agus glaodhaidh am fiadh-dhuine ra chompanach; an sin fòs gabhaidh an screuchag-oidhche fois, agus gheibh i dhi fein àite-tàimh, Isa. xxxiv. 13, 14. Choilionadh so uile, air an dòigh bu mhionaidiche. Tha duine cho foghlumta ’sa bha riamh san tìr so, Sir Isaac Newton, ag innseadh dhuinn gum b’iad muinntir Idumea na speuradairean agus na feallsairean a b’ainmeala r’an linn fein; agus tha aon leabhar againn fhathast air bhàruinn a sgrìobhadh ann, ’se sin leabhar Iob, agus c’ àit a bheil leabhar eile a thug barr air? Gidheadh ciod a tha Ieremiah ag ràdh xlix. 7. Mu thimchioll Edoim, “Mar so tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Nach ’eil gliocas ni’s mò ann an Teman? An do bhàsaich comhairle nan daoine glice? An deachaidh an gliocas am mughadh?” Mar fhreagradh air a cheist so feudar a ràdh, Cha ’n ’eil gliocas ann an Edom; cha ’n ’eil an aon earrainn eile de’n t-saoghal daoin’ is aineolaiche, agus is allamharaiche na fineachan cealgach a tha siubhal fàsaichean na dùthcha eagallaich so. Am measg nan iomadaidh fàisneachd a rinneadh m’an tìr so, nach ’eil ùine againn san àm a chomharrachadh a mach, tha aon gus an gairm sinn ur n-aire. ’S iad clann Esau a bha chòmhnuidh san Dùthaich so; a nis dh’ innis Obadiah san 10 rann a thaobh Esau, air son ainneart an aghaidh a bhràthar, gun deanadh nàire ’chòmhdachadh, gum biodh Edom air a ghearradh as gu bràth, agus nach fàgta h-aon beo de thigh Esau. Nach miorbhuileach an doigh air an do choimhlionadh an fhàisneachd so; thainig lòm-sgrios air gineil Esau. Cha’n’eil a h-aon diubh an diugh ri fhaotainn air aghaidh an t-saoghail, agus ann an cainnt an fhàidh ghearradh as gu bràth iad. An ann mar so a thachair do chloinn Iacoib, a bhràthair? Cha’n ann, Dh’ innis na fàidhean umpa so, Gu’m biodh iad air an sgapadh feadh gach rioghachd air thalamh; agus nach tigeadh léir-sgrios orra gu bràth. Agus nach ann mar sin a tha; cha’n’eil cearna de’n domhan anns nach ’eil iad; ach clann Esau, luchd-àiteachaidh Idumea, thainig lòm-sgrios orra-san, agus ghearradh as iad gu bràth. Tha Edom na fàsach, agus tha uamhunn air gach neach a théid seachad oirre. O àl gu h-àl bithidh i fàs; gu linn nan lìnn cha téid aon neach troimpe. T. M‘L. Campsie, 1830. Cuairt a Mhinisteir Ghallda. Air feasgar latha sàbaid, deireadh an ’t-Samhraidh chaidh seachad, thainig duine àraid a dh’ionnsuidh mo thighe, a dh’ iarr focal a labhairt rium ann am sheomar fein; a chionn gu’n robh ni-eiginn aige ri ràdh nach bu mhaith leis neach sam bi eile ga chluinntinn. Thug mi stigh e, agus dh’ fheòraich mi dheth ciod a bha aige r’a chant- [TD 149] ainn.—’S duilich leam, ars’ esan, dragh a chur oirbh air an fheasgar so, an déigh saothair an latha—’si’n éiginn a chuir mi d’ar n-ionnsuidh, agus uime sin tha dòchas agam gun d’ thoir sibh maitheanas domh. Tha mo choimhearsnach truagh, Seumas—, do réir coslais air leabaidh a bhàis, is cha’n fhòghnadh leis gun fhios a chur oirbh, ged is iomad là a rinn e tàir oirbh, agus a dhiult e ar n-éisdeachd—Rinn thusa deir mi, mar bu chòir dhuit tighinn—agus da rìreadh ’si’n éiginn a chumadh mis air m’ais o dhol da fhaicinn—cha dean mi maille sam bith—gabh thus’ air t-ais, agus innis da gu bheil mi air mo cheum a’d’ dhéigh—dearmadach mar tha Seumas truagh, agus seachantach air òrduighibh an t-soisgeil, cò is urrainn a ràdh ciod a tha’m beachd an Tighearna m’a thimchioll. Is maith an comharradh e bhi iarradach air m’fhaicinn. Gun deònaicheadh Dia dhuinn aobhar dòchais as a leth. Bu duine Seumas aig an robh mòran de thuigse, agus de chiall nàdurra—duine tapaidh, mar their sinn, ’an gnothaichibh dùthcha, na latha fein; fhuair e sgoil, cha robh e gun eòlas, agus bha e a chuid bu mò d’a làithean ann an cothrom maith. Ach dh’ fhàs e ’an deireadh a làithean, toigheach air deoch agus air ruidhteireachd; chinn e dearmadach air uile mheadhona nan gràs; sheachainn e tigh-aoraidh Dhe, agus tharruing e’n companas ri daoine gòrach an-diadhuidh mar e fein. ’Se deoch agus amaideachd a thug galar a bhàis ’na charamh; ’s an uair a chaidh mis’ a stigh do’n t-seomar san robh e na luidhe, bu deisdinneach ri fhaicinn an coslas truagh a bha air—bha e na shìneadh air a leabaidh—bha eagal—amharus—bròn—dìobhail misnich, agus uamhas mòr air an dearga gu domhain ’na shùil agus ’na aogas gu léir: Bha e caithte gu neoni, agus cha’n fhaca mi, air leam, riamh aon duine bu mhò a b’ aobhar truais na e; ged a bha e soilleir gur h-ann air ’inntinn, ’s nach b’ ann air a cholainn, a bha chuid bu mhò d’a thriobluid. Shocraich e a shùil orm co luath ’sa chaidh mi a stigh, agus dh’ fheuch e ri laimh a shìneadh a mach. Bha chuilc air a bruthadh gu trom, agus cha robh feum air a bruthadh ni bu mhò—Shuidh mi ri taobh na leapach. ’S duilich leam, deir mise, t fhaicinn sa chor so, cha chuala mi gun robh ni air bith a cur ort gus an d’rainig do charaid mi air an fheasgar, na idir gun robh thu air failneachadh mar tha mi faicinn—Ach tha dòchas agam gu’n sìn Dia do làithean fhathast, gu aobhar a bhi agad air a mhaitheas as do leith aideachadh le taingealachd—Ghluais e a cheann—dhruid e a shùilean, agus tharruing e osna throm; mar gu’m biodh e as eug’ais dòchais, cha’n e mhàin mu bharrachd làithean, ach a tròcair Dhe. Ciod, a deir mis, a tha’n léigh a tha frithealadh ort, ag ràdh?—ciod i a bharail as do leith? Cha’n’eil dòchas sam bi aige ars’ esan ri thoirt domh—tha e’g ràdh, nach ’eil e na chomas a bheag no mhòr a dheanamh air mo shon. An ann mar sin a ta, a deir mise, le cainnt stòlda; ach an ni a tha eacomasach do dhuine, tha e soirbh do Dhia—’S mi a dh’ fheudadh a ràdh, oir ’s minic a chunnaic mi iadsan a thug Léigh shaoghalta thairis a’ tighinn uaithe—ach ciod, arsa mise, do bharail fein? Dh’amhairc e’am aodann le sealladh a chuir oillt air mo chridhe. Is duine marbh mi ars’ esan, agus ’se chùis is miosa, is [TD 150] duine caillte mi—Air t-athais, a deir mise, nior leigeadh Dia—Na labhair air an dòigh sin. Thaislich so e:—labhair mi ris gu foill—cha’n ann an corruich—ach leis a chainnt bu chaoimhneala agus bu chàirdeala a b’ urrainn domh a chleachdadh—a’ cur an céill an doilgheadas mòr a bha orm, nach robh fios agam ni bu tràithe mar bha e, agus a’ gearan nach do leig iad fios domh. Ma ta, ars’ esan, b’e sin mo mhiannsa, ach bha nàir orm—bha eagal orm; chuir mi dàil ann an sin a dheanamh, mar a rinn mi anns gach ni eile—agus chuirinn dàil ann a chaoidh m’ar biodh am bàs air teachd am rathad—ach thàinig esan agus thainig soilleireachd an uamhais na chois. Dh’ fhartluich orm a bhi sàmhach ni b’ fhaide. Chuir mi fios oirbh—b’ fhearr gu’n d’ rinn mi so ni bu tràithe—tha e nise ro anamoch—chaill mi mo latha—chaill mi mo chothrom. Is truagh mi—O’s duine caillte mi, tha fios agam gur ann mar so a tha! Tha dòchàs agam, a deir mise, gur h-ann a thainig atharrachadh mòr air t-inntinn. Dhùisg Dia thu chum do chunnart fhaicinn, agus esan a thòisich an deagh obair, an n’e nach feud e ann an sibhreas a thròcair a toirt air a h-aghaidh ceum air cheum chum foirfeachd. Cha tabhair, cha tabhair, a deir e. Dòchas cha ’n ’eil agam. Pheacaich mi th’ ar saorsa—cha’n ’eil peacadh, ach math a dh’ fheudta, morta nach ’eil ri agairt orm. Dòchas agamsa! ars’ esan, ’se stad, le buaireas anabarrach spioraid, agus le osnadh a shaoil leam a sgàineadh a chridhe—Dh’ amhairc e orm san aodan, agus mar bha mi dol a labhairt, thainig boirionnach a bha stigh, dlù air an leabaidh, le soire beag as an do thairg i deoch dha. C’ar son, ars’ ise, tha thu labhairt mar sin; cha’n’eil thu co dona ’s a tha thu leigeadh ort; tha na mìlltean m’an cuairt duit ni’s miosa. ’Sann duit fein a bha do lochd—c’arson a labhradh tu san dòigh sin. Sméid e gu grad le laimh i bhi sàmhach. Nach cuisd thu, ars’ esan. Is mò is fad a labhair thu mar sin, agus mò is fada, b’e sin mo bharail fein, ach O! ’s ann air m’anam bochdsa a thainig an t-soilleireachd eagallach. Is gòrach a bhean, a deir mise, do chainnt, cha ghniomh cairdeil a tha thu deanamh, labhairt mar so ris—do réir coslais tha barail ni’s fearr aig’ air cor anama, an lâthair Dhe na th’ agadsa. Ciod e dhasan ged bhitheadh na mìltean ni bu mhiosa na esan—an seasadh sin a leithsgeul-san; bheirear breith air-san air son a dheanadais fein, agus ni h-ann air son deanadas muinntir eile. Ged a robh muinntir an t-saoghail gu mòr ni’s miosa na esan, an atharraich sin a chùis, no an saoradh sin esan? An cual thu riamh mu Shodom agus mu Ghomorrah? an cual thu riamh m’an tuil a thug sgrios air an t-saoghal? Tha thu ag ràdh nach ’eil Seumas idir co peacach ’s a tha e am barail. Gu truagh, tha sinn uile ni s peacaiche ann am fianuis Dhe uile-naomh—agus uile-fhiosrach no gu’m feudadh e amharc oirnn ach le dubh-ghràin. O cheartas Dhe, tha sinn uile toilltinn sgrios siorruidh—agus gu’n teagamh b’e so a thigeadh air-san, m’ar biodh an Tighearna Iosa Criosd air éiric co luachmor a thoirt air ar son—le bàsachadh chum ceartas De a riarachadh—agus réit a chosnadh. ’Nuair chual an duine tinn iomra air ainm an t-Slanuighear, ghlaodh [TD 151] e mach le dì-dòchais, agus le guth buaireasach eagallach, Cha’n’eil an Slanuighear sin ’na Shlanuighear dhomhsa! Bheil thu creidsinn ann arsa mise, le mòr iomaguin orm m’an fhreagairt a bheireadh e seachad? Tha, deir esan,—tha mi creidsinn ann an Dia—tha mi creidsinn ann an Iosa Criosd; ach tha mi creidsinn mar na deamhain, chum criothnachadh le h-oillt. An fhearr mi no a h-aon diubh, agus an e nach i ’n crìoch a tha feitheamh orm? Cha’n’eil e comasach innseadh an dòigh bhuaireasach air an do labhair e na briathran sin. Bha e dhol am muthadh gu bràth a ghnà na bheachd. Bha neul tiugh agus dorch eadar e agus tròcair Dhe ann an Criosd—cha bu léir dha e ach an corruich. Cha robh deur air a shùil, cha d’ thainig, do réir coslais, taiseachadh no maothachadh air a chridhe. Bha e mar dhuine a bha làn dearbhta na inntinn fein, nach robh dòchas aige ri àrach. Chuir so oillt orm, agus ’s gann a bha fios agam ciod bu chòìr dhomh a ràdh. Ma tha thu creidsinn, arsa mise, ann an Iosa Criosd, ’s eiginn duit a chreidsinn gu bheil e comasach chum tearnadh. Tha mi ’ga chreidsinn sin, ars’ esan: agus deir mise, an e nach ’eil e comasach air thus’ a shaoradh, co maith ri duin’ eile? tha e da rìreadh uile-chumhachdach ach gu tearnadh; agus bu dìmeas air a ghràs agus air a ghloir a’ smuainteachadh gu bheil a chumhachd neo-chomasach air a pheacach is mò air aghaidh an t-saoghail a thearnadh. Bha e ’na thosd car tamuill, ach mu dheireadh fhreagair e gu cabhagach. Tha e cumhachdach, ach cha ’n ’eil e toileach. O! tha, a deir mise, tha e co làn thoileach ’s a tha e co comasach. Tha focal De ag innseadh so dhuinn; tha e fein ’ga innseadh dhuinn—Thainig Iosa Criosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail chum peacaich a shaoradh—Thigibh a’ m’ ionnsuidh, sibhse uile a ta ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mi suaimhneas duibh—Iadsan a thug a’ m’ ionnsuidh, cha tilg mi air chor air bith a mach iad. Ach leughaidh mi dhuit an cùigeabh caibdeil deug do rèir Lucais, chum gu’m faic thu an sòlas a tha air neamh ri iompachadh aon pheacaich. A nall domh a bhean am Bìobull, chum gu’n cluinneadh e co toileach ’sa tha Dia gu gabhail ris. Chunnaic mi gun do chuir so iomaguin oirre, ach thòisich i mar gu’m biodh i ga iarruidh. Thog an duine truagh a bha san leabaidh a cheann, agus thuirt e, Dean suidhe a bhean, cha’n àm so gu ceilg no breug; cha ’n ’eil, le’r cead, Bìobull againn san tigh; agus ged a bhitheadh, cha deanadh gach rann deth ach mo dhìteadh. Chuir mise cùl ris a Bhiobull am shlainte, agus chuir Dia a Bhìobuill a nis cùl riums’ air leabuidh mo bhàìs. Thug mi làmh air mo Bhiobull fein. O! ars’ esan, na leigibh ris domh an leabhar sin, rinn mi dearmad agus tàir air, agus tha eadhon a nis uamhas orm fhaicinn; oir ciod a th’ ann ach bìnn mo dhìtidh? Tha nithe ni’s glormhoire na sin ann, a deir mise, oir is e’n leabhar so a mhàin a tha leigeadh ris duinn slighe na beatha maireannaich. Tha e da rìreadh a’ dearbhadh dhuinn gur peacaich air fad sinn, ach tha e ga dheanamh so chum ar tarruing chum ar fìreantachd fein a thréigsinn, agus an fhìreantachd sin iarruidh a ta trid creidimh ann an Iosa Criosd. Leugh mi’n sin da an Caibdeil a [TD 152] dh’ ainmich mi, ga mhìneachadh mar chaidh mi air m’ aghart. Chuir mi fa chomhair gu sonruichte, sòlas nan aingeal ann an aithreachas a pheacaich. Tharruing mi a smuaintibh a dh’ ionnsuidh caoimhneas an deagh bhuachaille chaidh air tòir na caorach a chailleadh, a fhuair i, mar bha esan an diugh, a’ bàsachadh san fhâsach, a thog i, ’sa ghiùlain dhachaidh i le gairdeachas. Dh’ aom mi gu sùnraicht’aire gu caomhalachd athair a mhic Stròghail, a mhothaich dha am feadh a bha e fad as, agus a ruith da ionnsuidh le deothas anabarrach, agus a ghabh ris gu càirdeil. Drùigheadh so, arsa mis’, air do chridhe-se, agus bi lan chinnteach, gun amharus, agus gu’n teagamh, gu bheil Dia air a cheart àm so a feitheamh gu bhi gràsmhor; gu bheil e a’ toirt fainear a cheud togradh a dhùisgeas suas ann ad chridhe gu maitheanas fhaotainn, gu’n cuir e mach an Spiorad Naomh, ma ghuidheas tu e, a thoirt air aghaidh an deagh rùin sin, ga abuchadh chum aithreachais, agus gu bheil Criosd deonach eadar-ghuidhe dheanamh as do leith, chum éifeachd a thoirt do d’ ùrnuighibh, a’ tagradh toillteannais fhulangais agus a bhàis as do leith. Bha Seumas bochd na thosd: ach bha e soilleir nach robh sìth fhathast na inntinn. Cha do chuir e suas, fhad ’sa b’ fhios domhs’ e, aon ghuidhe ri nèamh, ni mò aon ghuth air son maitheanais; cha do bhuail e air ’uchd, mar rinn an cìs-mhaor, ag ràdh, A Dhe, dean tròcair ormsa, peacach! Gidheadh labhair mi ris fhathast le dòchas. Tha thu faicinn, arsa mise, gu bheil Dia co deonach ’sa tha e comasach air gach neach a thig d’a ionnsuidh, trid Chriosd, a shaoradh, ge b’e air bith cò e. Ciod ma ta, a chumas tus’ a mach? An iad do pheacaidhean? “Pheacaich sinn uile, agus thainig sinn gearr air glòir Dhe. An e lionmhoireachd do pheacaidh a ta cur eagail ort? Ged robh iad dearg mar an sgàrlaid, nitear geal mar an sneachd iad. Glanaidh fuil Chriosd o gach peacadh.” Dh’ fhan mi tamull beag a’m’ thosd, a dh’fheuch an canadh e a bheag, ach cha do labhair e focal. Nam biodh e air iarruidh orm ùrnuigh a chur suas, bhiodh sòlas orm. Ach ’s ni so, do reir coslais, nach robh na bheachd. Bu mhithich dhomhs’, uime sin mo dhleasnas fein a dheanamh, agus so a chur na chuimhne. Nam b’ urrainnear a thoirt gu ùrnuigh a dheanamh, smuaintich mi gu’m feudadh e beannachd an Tighearna fhathast fhiosrachadh. Bha làmh an crochadh thar an leabaidh, ghlac mi le dùrachd i, agus a’ dùr-bheachdachadh air aodann, thuirt mi ris, leis gach bàigh agus caoimhneas a b’urrainn domh a chleachdadh, a Sheumais, aontaich leam ann an ùrnuigh. Leig dhomh air mo ghlùinibh, tròcair an Tighearna Dia air sgàth Iosa Criosd, asluchadh as do leith. O! dhuine ghaolaich, ars’ esan, cha’n urrainn domh’ ùrnuigh a dheanamh, cha do chleachd mi i, ach cha bhachd mi sibhse, m’as toil libh e. Is toil leams’ e a deir mise, agus an Spiorad Naomh a shoirbheachadh leinn. An déigh dhomh crìochnachnadh, mhothaich mi gun robh na deòir air a shùilean, ’s gu dearbh bu fhrasach a shil mi fein iad. Cha do labhair e focal, ach [TD 153] dh’ fhàisg e mo làmh, agus chuala mi aon osnadh. Slàn leat, arsa mis’, an nochd. Dia bhi maille riut. Mas beo sinn chi thu moch am màireach mi. Dh’ amhairc e am dhéigh, Dia, ars’ esan, ga’r beannachadh—sa, agus nì e sin. Dh’ éirich mi ni bu luaithe na bu ghnà leam air an là am màireach, agus rinn mi airson tighe Sheumais, a’ smuainteachadh ciod an doigh a b’ fhearr dhomh a ghnàthachadh, agus ag iarruidh còmhnadh an Spioraid chum mo sdiùradh. Rainig mi taobh na leapach, mhothaich mi gu’n robh e mòran ni bu laige o chunnaic mi roimh e; ach dh’ oidheirpich e suidhe suas le còmhnadh a mhnà. Bha dù-ghruaim fhathast air a mhaluidh, bha a shùilean luaineach neo-shuidhichte, agus cha do chuir e fàilt orm leis an fhuran sin ris an robh fiuthair agam. Tha eagal orm nach do chuir tha’n oidhche gu maith seachad. Cha do chuir gu dearbh, thuirt esan. Tha sinn uile ann an làmhaibh Dhe, agus thig e dhuinn a bhi striochdta d’a thoil. Cha do labhair Seumas bochd focal. Nach mòr, arsa mis’, an t-aobhar taing a tha agad gu bheil thu ann ad riaghailt fein, agus comas agad fhathast maitheanas agus sìth a ghuidhe m’an tilg thu ’n deò. An déigh ioma seanchas eile, tharruing mi a smuainte mu Righ Daibhidh, gràinealachd a pheacaidh san do thuit esan, agus an dùrachd anama leis an do ghuidh e tròcair o Dhia. Leugh mi dha li. Salm anns an do dhòirt an t-aithreachan rioghail so a mach a chridhe ’an làthair Dhe. Mar so, arsa mise, ghuidh e, agus dh’ irislich Daibhidh e fein, agus o’n a bha e tréibh-dhireach, thug Dia maitheanas da; agus c’arson nach feud Dia bhi co tròcaireach dhuitse air sgàth Chriosd. Le spàirn mhòir fhreagair e mi, bha Daibhidh, tha sibhs’ ag ràdh, tréibh-dhireach, agus fhuair e ùine air so a dhearbhadh ’na chaithe-beatha, ach ùine cha’n’eil air a dheònachadh dhomhsa, theagamh nach ’eil uair an uaireadair a’ feitheamh orm. Theagamh nach ’eil, a deir mise, ach is aithne do Dhia smuainte do chridhe, agus treibh-dhireachd t-anama. Tha fhios aige-san co ac’ a bhiodh no nach biodh na rùin a tha thu’n dràst ag àrach air an coimhead leat, agus air dha bhi fiosrach air so, gabhaidh e’n toil an àit’ a ghniomha. Nach d’thug an Tighearn Iosa maitheanas do’n ghaduich’ aithreachail air a chrann. Ann am measg dòruinn agus bàis, chreid esan, agus dh’ earb e anns-an a bha dol gu bàs r’a thaobh. An Slanuighear a bha eolach air a chridhe, chunnaic e a thréibh-dhireas, agus a chreidimh: ghabh e ris, agus labhair e na briathran sòlasach so ris, An diugh fein bithidh tu maille rium ann am phàras. Labhraidh so cha’n ann gu buanachadh ann am peacadh ach chum nach tuiteadh aon neach fo an-dòchas; agus gu’n tuigeadh iad nach ’eil e ea-comasach maitheanas agus saorsadh fhaotainn am fad ’s a tha’n deo sa cholainn. Mo thruaighe, a Mhinisteir ghaolaich, air an d’rinn mi ioma latha tàir, feudaidh sin uile bhi fior, ’s cha’n’eil teagamh agam nach’eil; ach ged a bhiodh mo làitheans’ air an sìneadh, ni nach’eil a nis comasach, cò is urrainn innseadh nach bithinn co an-dàna, dalma, peacach ’sa bha mi riamh: Co suarach mu Dhia, co tàireil air an t-Slanuighear, co caoin-shuarach mu chumhachd an Spioraid. A’ bheil e comasach, [TD 154] ars’ esan, gu’n gabhadh Dia ri m’ leithid? Cha’n urrainn domh a smuainteachadh—Gidheadh ars’ esan, ’se pasgadh a làmh air uchd, agus a’ togail a ghuth le spâirn a bhàis, gidheadh O mo Dhia—Ann an so stad e, thainig reachd na mhuineal—thuit e thairis—Dh’ fhàg mi e air an âm, le rùn pilleadh ’an ùine ghoirid; ach m’an deach mi fad air m’ aghaidh, fhuair mi fios gu’n d’thug e suas an deò. B’e so toil an Tighearna! Cò dhiubh bha no nach robh e, an àm a bhàis, ann an sìth ri Dia, cha bhuin e dhuinn a ràdh. Aon ni a tha cinnteach, cha d’ fhuair e bàs ann an sìth. Smuaintean uamhasach do’n mhinisteir agus do gach aon a leughas an eachdruidh. Cò am ministeir a tha murrach air a dhleasnas a dheanamh ri taobh leaba bàis an t-seòrsa so: agus cia uamhasach an ni do pheacaichibh Dia a bhrosnachadh chum a thròcair chaomh a chleth uatha gus a mhionaid fa dheireadh? T. M‘L. Campsie, 1830. EACHDRUIDH NA H-ALBA. Fhuair sinn iomad litir o ar càirdibh, a’ comhairleachadh dhuinn o àm gu àm, cuid de eachdraidh na h-Alb’ a thoirt seachad do ar luchd-dùthcha, anns an TEACHDAIRE GHAELACH, anns an dòigh cheudna san tug sinn doibh Eachdriadh air bliadhna Thearlaich. S’ ann gu deimhin le mòr shòlas a dh’ fheuchamaid ri so a dheanamh—Agus chum na crìche so gabhaidh sinn an earrann sin de dh’ eachdraidh na dùthcha is mò is airidh bhi air a chumail air chuimhne, na aon earrann eile dhi. An t-àm sin anns an do sheas na daoine o’n d’thainig sinn, co duineil thréun as leith an creidimh, agus as leith sochairean Eaglais na h-Alba, a bha air an stéigheachadh san dùthaich o linn Iain Knox: an t-àm anns an d’ fheuch Righrean Shasunn ris a Chreidimh Easpuigeach a shuidheachadh san tìr so, a dheoin no dh’aindeoin. Cha’n’eil e comasach labhairt m’an gheur-leanmhuinn air Eaglais na h-Alba anns na linntibh sin gun uamhas—agus cha’n’eil e comasach mothachadh do’n chruadal, do’n mhisnich—do’n dealas naomh leis an do sheas ar sinnsirean air son an sochairean spioradail—mar chuir iad bàs gu dùlan air sgàth an creidimh; gun ar taingealachd a dhùsgadh do Dhia a neartaich iad agus a thug fadheòidh buaidh dhoibh an aghaidh gach innleachd agus deuchainn. Tha sinn an diugh a’ mealtuinn toradh an saothair anns na sochairibh lìonmhor prìseil a ta againn—Agus cha’n’eil duine tuigseach aig a’ bheil meas oirre so, nach bi déigheil air eòlas fhaotainn air an dòigh anns an do chosnadh iad dhuinn. An déigh bàs Ealasaid, Bannrigh ainmeil Shasunn, ghairmeadh Righ Seumas an VI. a suas à h-Albuinn, agus chrùnadh e na Righ thairis air Breatunn agus Eirinn, mar an t-oighre dligheach—Be ’n Sumas so mac Banrigh Màiri, a chuireadh gu bàs le Ealasaid Shasuinn—ise bha na bana phàpanaich co cudmhor, agus aig an robh gamhlas co mòr ’an aghaidh Iain Knox, agus an creidimh ath-leasaichte—Ach bha a mac, Righ Seumas, a cheud Righ air an do chàireadh crùn nan trì Rioghachdan, do ’n chreidimh Easpuigeach—agus cha luaithe a fhuair e na chathair, anns a bhliadhna 1603 na chuir e roimhe an aon riaghailt Eaglais agus creidimh a shocrachadh feadh na Rioghachd gu léir. [TD 155] Bha fuath anabarrach aig air Eaglais na h-Alba—agus gu h-àraidh air an ùrnuighean, a chionn nach robh iad ceangailte ri riaghailt sgriobhta, bha air an deachdadh dhoibh le Easpuig—agus leis a so gun robh comas aca nithe a ràdh nach robh air uairibh taitneach leis fein, agus le a chùirteiribh.—Chuir e roimhe, uime sin, cur as di mar Eaglais, agus Eaglais Easbuigeach a shocrachadh ’na h-àite—le ùrnuighean sgriobhta freagarrach d’a rùn agus d’a mhiann fein. Trì bliadhn’ an déigh dha crùn nan trì Rioghachdan fhaotainn, thòisich e air an ni so a bha co dlù air a chridhe a chur an gniomh.—Dh’ainmich e dà Easpuig dheug air son Albuinn, agus cha robh chridh a ràdh gu’m b’olc—sparradh sà phrìosan gach neach a dh’ fhosgladh a bheul na aghaidh. Anns a bhliadhna 1617, thainig e fein do dh’ Albuinn—ghnàthaich e gach innleachd agus dìchioll a bha comasach chum Eaglais na h-Alba chur as, agus an creidimh Easpuigeach a chuir air bonn. Gheall e gach duais agus urram dhoibh-san a chuidicheadh leis—agus bhagair e bochduinn agus prìosun an aghaidh gach neach nach géilleadh d’a thoil. Ghairm e air Ard Sheanadh Eaglais na h-Alba cruinneachadh ann am baile mòr Pheairt, anns a bhliadhna 1618. Mhaoidh e gu trom ’an aghaidh aon neach a dh’fhosgladh a bheul gu cur ’an aghaidh gach atharrachadh bha mhiann air a thoirt m’ an cuairt—agus gheall e Easbuigean a dheanamh dhiùbhsan a dh’ aontaicheadh leis anns gach ni a bha na bheachd. ’Se thainig as a so, gu’n d’ fhuirich mòran de dhaoine dileas, diadhaidh a bha gaolach mu Eaglais na h-Alba air an ais, agus gun d’fhuair càirdean an Righ mòran d’an toil fein. Cha robh iad uile deas air son an creidimh Easpuigeach a shocrachadh san tìr, is cha robh chridh aca Eaglais na h-Alba a thilgeadh bun os ceann a dh’ aon bheum. Thòisich iad, uime sin, air an dara h-aon a shuidheachadh mean air mhean—agus air an aon eile a leagadh, clach an déigh cloiche.—Cho’-aontaich an t-Ard-Sheanadh ainmeil so gu nàrach tàmailteach air cùig de phòngaibh a Chreidimh Shasunnaich, (a dh’ ainmicheadh, Cùig puing Pheairt, o’n àm sin) agus an deanamh nam puing chreidimh Eaglais na h-Alba. B’iad na cùig puing sin, I. Gu bheil e ceart an Comunach a ghabhail le daoine air an glùinibh—agus aig an altair. II. Gu bheil e ceart a thoirt do mhuinntir euslan agus lag nan tighibh fein. III. Gu bheil e freagarrach agus ceart Baisteadh a fhrithealadh do leanabana ann an diomhaireachd, gun an toirt an làthair a cho’-thionail. IV. Co’-dhaingneachadh muinntir òg. (Confirmation.) V. Gu bheil e ceart agus freagarrach làithean féille a choimhead—mar tha latha Nollaig—a Chàisg—di-haoine na Ceusda...latha-cuingis...&c. B’iad so Cùig puing Pheairt—agus dhaingnicheadh iad le Ard-chomhairle na Rioghachd 1621. Ach bha cuid de dhaoin’ uaisle àrd san dùthaich a sheas a mach gu duineil nan aghaidh, agus a thog an guth gu h-àrd a’ di-moladh nan daoine tàireil, truaillidh a cho’-aontaich an gabhail mar phuing an creidimh. Nam measg so ùile bha Sir Iain Hamilton, Triath Phrestoin—Chaidh Marcus [TD 156] Hamilton a dh’ fheuchainn am b’ urrainn dà-san aomadh gu géilleachdainn—ach dh’fhartluich e air. “Bheir mi dhuit, thuirt esan, mo chuid spréidhe, mo chuid fearainn, agus eadhoin mo bheatha—gach ni a th’ agam ris an t-saoghal, ’s e do bheatha ga ionnsuidh; ach cha d’ thoir mi oilbheum do m’ Dhia le m’ dheoin agus le ’m fhiosrachadh—cha mhò ni mi ifrinn ann am choguis fein air do shonsa, no air son na tha air uachdar an domhain gu leir.” Ach ged a fhuair an Righ agus na h-Easpuigean an fhad so air an aghaidh—thog Dia suas air an àm sin Ministeirean treun, dìleas, diadhaidh ann an Eaglais na h-Alba, nach robh an aon àm air bith eile.—Daoine treun—eudmhor, agus saoithreachail os ceann ni sam bi air a bheil sinne eolach.—Mar shoilleireachadh air so bha fear dhiubh Mr. Iain Mac Bhirnie an Aberaidhean, nach rachadh a mach o thigh fein air muin eich no coiseachd, gun dà Bhiobull Eabhruidheach agus am Biobull Beurla—gloine-ghaineamh leis an toimhseadh e fad a shearmoin. Cha bhiodh e mionaid leis fein gu’n bhi leughadh a Bhiobuill,—agus a’marcachd ann an cuideachd, b’ àbhuist da a bhi do ghnà a’ searmonachadh. Cha leigeadh na daoine maith so dìol-déirce seachad orra air rathad mòr an Righ gun fhocal feumail chum slaint’ an anama a labhairt riu. Bha cuid diubh a chuir seachad an treas earrann d’ an aimsir ann an ùrnuigh. Thachair do aon diubh so tuiteam latha aràidh bhàrr an eich, agus bhris e a chos—ràinig e’n t-àite gus an robh e a’ dol—bha na daoine cruinn-shuidh e air cloich, agus a chas na dà leth—agus shearmonaich e dhoibh mar nach biodh a bheag a’ cur air—Thòisich an t-seirbhis san àm sin mu naoi uairean sa mhaduinn, agus bhuanaich i gu dorcha nan tràth.—’An ám Comunaich bha e na ni cumanda leo bhi cruinn fad seachduin. Cha rachadh a h-aon diubh so suas do chrannaig a shearmonachadh gus an do chuir iad seachad mòran ùine ann an ùrnuigh, ag asluchadh còmhnadh an Spioraid—Bha fear dhiubh air latha àraidh eadar dha shearmoin, san tigh-sheisein, ag ùrnuigh gu’n leanadh Dia le bheannachd na labhair e, agus na bha ri labhairt san fheasgar; agus thainig dithis de mhaithean na tìre, aig an robh toil labhairt ris—chuir iad an Cléireach a stigh a dh’ iarraidh air teachd a mach a chainnt riu. Chaidh an cléireach a stigh a rìs agus a rìs—ach cha tainig am ministeir a mach. Ciod a tha ga chumail a deir an t-uasal? Tha mi smuaineachadh, ars’ an cléireach nach tig e ’mach an diugh, oir tha mi ’ga chluinntinn ag asluchadh, agus a’ guidhe air neach éiginn teachd maille ris—agus chuala mi e ag ràdh mar d’thigeadh am fear eile, ris an robh e labhairt maille ris nach d’thigeadh e mach idir; agus ’se ni is iongantaiche gu leir; cha’n fhaic mi duine san t-seomar ach e fein. Cha do thuig an cléireach gu’n robh am ministeir a labhairt ri Dia. Bha duin’ ainmeil dhiubh so’an Inbheràir, Mr. Welsh, agus chuir e seachad ochd uairean eadar là agus oidhche ann an ùrnuigh; agus is minic a chaith e an oidhche air fad san eaglais, gun duine leis, a’ ghleachd ri Dia ann an ùrnuigh. Cha robh déigh aig na daoine fiachail so air stòras no maoin shaoghalta—bha iar suarach mu bhochduinn. Fhuair iad [TD 157] na rinn feum dhoibh, agus cha robh tuille dhì orra—Bha gràdh, meas agus spéis aig muinntir na dùthcha orra so os ceann ni’s urrainn domh a chur ann an cainnt. Cha robh aca so ach am focal a labhairt, agus dheanadh an sluagh mar a b’âill leo: ach ’s éiginn a ràdh gun robh iad air uairibh eudmhor os cionn cuimse, agus ullamh air buntuinn ri nithibh ris nach robh gnothach aca. So a chléir a bha mhiann air Righ Seumas a chuir fodha; ach dh’ fhiosraich e nach robh so soirbh r’a dheanamh. Chaochail an Righ so anns a bhliadhna 1621. agus thainig a mhac, an ceud Tearlach na àite,—duine aig an robh naimhdeas agus gamhlas gun tomhas ’an aghaidh Eaglais na h-Alba, deich uairean ni bu mhò na bh’aig athair. Cha luaithe chrùnadh e na thòisich e air a gheur-leanmhuinn an aghaidh saorsa creidimh a thug a bhàs fein m’an cuairt. ’Se a cheud ni a dhùisg fearg muinntir Albuinn ’na aghaidh, an deuchainn a thug e air an fhearann a bha aig na h-Easpuigean Pàpanach, agus an deachamh a bha aca m’an d’thainig an creidimh ath-leasaichte a stigh a thoirt air an ais o na h-uaislibh a fhuair iad, agus an socrachadh ris na h-Easpuigean ùra Sasunnach bha mhiann air a shuidheachadh. Chuir so eagal mòr air na h-uaislean, agus na Mòr’earan àrd a fhuair beartas Eaglais na Ròimhe, agus bha iad a nis ro leisg dealachadh ris;—b’ fhearr leo a chlêir agus an Eaglais bhochd a bha aca, na an Eaglais Shasannach air tàille càll an fhearainn a fhuair iad ’nuair thilgeadh Eaglais na Ròimhe bun os ceann. Tha aobhar a smuainteachadh gur e gaol an fhearainn a dhùisg mòran diubh an aghaidh a chreidimh Easpuigeach, agus nach e eud air son Eaglais na h-Alba—ach coma cò dhiùbh—ghabh iad eagal, agus dh’ éirich iad mar aon duine an aghaidh iarradas an Righ. Thainig Righ Tearlach a dh’ Albuinn 1633.—shuidhich e’n seorsa deise bha Chléir ri chur umpa là na Sàbaid—bha so do réir cleachda Eaglais Shasunn. Chuir e an déigh sin a mach leabhar ùrnuigh, agus dh’ àithn e nach robh ùrnuidh ri chur suas a crannaig an Albuinn, ach iad sin a bha air an deachdadh san leabhar choitchionn ùrnuigh so le Easpuigean Shasunn, agus bhagradh am peanas a b’ àirde an aghaidh gach aon nach gnàthaicheadh e. Chuireadh mar fhiachaibh air Ministeirean na h-Alba cuid diubh so a cheannach air son an sgìreachdan; agus dh’ aithneadh tòiseachadh air a leughadh air an 23 là de mhios deireannach an t-samhraidh 1636. Bha’n dùthaich a nis o thaobh gu taobh air dùsgadh, agus air an lionadh le bròn agus uamhas le fearg agus corruich, leis na bha ’n Righ a’ feuchainn r’a dheanamh. Chuir iad rompa bhi dìleas d’a chéile, agus seasamh a mach gu bàs ’an aghaidh a Chreidimh Eispuigeach. Cha robh ann, am beachd nan daoine sin, ach creidimh na Ròimhe fo chleachda ùr. Air an t-Sàbaid m’an robh an creidimh ùr ri tòiseachadh, labhair Cléir Dhunéideann ris an t-sluagh, dh’innis iad mar bha chùis—gun robh leabhar coitchionn ùrnuigh Eaglais Shasunn ri bhi air a leughadh air an ath-là, gach aon ga cheannach, gu’n b’e so an lagh—toil an Righ agus reachd na dùthcha. Cha do leig an sluagh orra gu’n cual iad ni sam bith nach robh ceart agus taitneach. Sgaoil iad, agus cha [TD 158] chualas focal ’an aghaidh a chreidimh ùir. Thainig an là a bha ri Eaglais na h-Alba a thilgeadh bun os ceann, agus a bha ri riaghailt ùr creidimh a shuidheachadh ’na h-àite. Dh’ fhosgladh an Eaglais àrd ’an Duneideann, agus chaidh na h-Easpuigean—na h-Ard-Easpuigean, na Morairean-dearga, luchd-riaghlaidh a bhaile, mòran de uaislean àrd, agus de chùirteirean uaibhreach a suas a dh’ amharc air an ni mhòr so, a bha nis mar shaoil leo air tachairt, mar bu mhiann leis an Righ. Bha Easpuig ûr Dhuneideann ri searmonachadh. An déigh do’n cheud ùrnuigh bhi air a leughadh, chaidh pears’ Eaglais (Dean) suas, agus thòisich e air an leabhar ùr do réir riaghailt nan Easpuigeach a leughadh. Thuige so bha’n sluagh sàmhach agus socrach—ach co luath ’sa chunnaic iad an leabhar air fhosgladh, ghrad dh’ éirich iad, agus thog iad an aon ghlaodhaich bu bhas-bhualaiche, agus sgriachail eagallach, ionnas nach robh e comasach aon fhocal a thigeadh á beul a mhinisteir a chluinntinn. Bu mhnathan a chuid bu lionmhoire dhiubh so. Ghlaodh iad a mach—Mo thruaighe! Mo thruaighe! Albuinn bhochd! b’e so là na dunach a thainig ’na caramh. Tha iad a’ toirt saobh-chràbhadh nam Pàpanach air ais oirnn—Chàin iad an duine truagh a bha sa chrannaig leis gach smàdadh agus droch ainm a b’ urradh dhoibh. An déigh mòran de dh’ àrd labhairt agus de bhagraidhean, dh’ éirich sean bhean d’am b’ainm Seonaid Gheddes, agus thilg i am furm, air an robh i ’na suidhe, air ceann a Mhinisteir. Thilg càch am Bìobuill air, agus m’ar bitheadh e air crùban sios sa chrannaig, chuireadh iad an t-eanchainn as,—ach! chaidh am furm agus an fhras Bhiobull thairis air. Thug an t-Easpuig a chrannag air a dh’ fheuchainn am b’urrainn da-san an smachdachadh, ach ’s ann an sin a ghabh iad bàinidh—cha robh ainm bu mheasa na chéile nach do ghlaodh iad ris. Theiring luchd-riaghlaidh a bhaile fa dheireadh, agus chuir iad an co’-thional amach air dorus na h-Eaglais—ach ma chuir cha b’ann gun strìgh, ’s gun spàirn. Chaidh a Chléir Easpuigeach an sin air an aghaidh leis an t-seirbhis, ach cha robh e comasach a chluinntinn leis an fhuaim, a ghlaodhaich, an sgriachail, agus briste uinneagan a bha dol air aghaidh air an taobh a muigh. Ach ma bha othail agus ùpraid a stigh san Eaglais, chaidh an sluagh air bàinidh air fad ’nuair a thainig na h-Easpuigean agus an luchd-leanmhuinn a mach. Leig iad orra leis na clachaibh, agus is ann air lòm-eiginn a fhuair cuid diubh as le ’m beatha. Cha b’ fhearr a bhuadhaich a chùis anns na h-Eaglaisibh eile—air chor ’s gu’n deach an deuchainn gu buileach ’nan aghaidh—agus air an ath-shàbaid cha robh de mhinistirean aca na dh’ fheuch ris; agus b’ éiginn an t-san riaghailt aoraidh a leantuinn. Mar so thachair e ann an Duneideann, is cha b’ fhearr a shoirbhich leo anns gach cearn eile de’n dùthaich. Bha muinntir na rioghachd mar aon duine ’nan aghaidh—ach cuid a bha chòmhnuidh ’an cearnaibh iomallach; agus a bha suarach (mar bha mòran de mhuinntir na Gae’ltachd, gu h-àraidh san taobh tuath) ciod an riaghailt aoraidh a bhiodh aca. Leigeadh fios a dh’ ionnsuidh [TD 159] an Righ mar bha; agus dh’asluich daoine mòr no dùthcha air leigeadh leo buanachadh sa chreidimh a bha aca fein agus aig na daoine o’n d’thainig iad. Ach bha corruich mhòr air an Righ air son an easurraim a thugadh do na h-Easpuigean a shuidhicheadh san dùthaich. Chuir e roimhe a dheoin no dh’ aindeoin an creidimh Easpuigeach a shocrachadh san tìr. Ghairm e iad ’nan ceannaircich an aghaidh an Righ, agus an aghaidh laghanna na rioghachd; agus mar so thòisich an cogadh fuilteach sin a thug an Righ e fein gu bàs, agus a tharruing car ùine co liugha olc, bochduinn agus truaighe air Albuinn; ach air a cheann fa dheireadh a chrìochnaich le saorsa creidimh a thoirt dhuinne, agus le buaidh iomlan an aghaidh gach innleachd a chleachda chum Eaglais na h-Alb a chur as. Anns an ath-Theachdaire leigidh sinn ris nàdur a choimhcheangail shòlaimte agus an naomh chùmhnant a tharruing muinntir Albuinn suas air an àm so, ris an do sheas iad co duineil, threun; agus o’n d’ fhuair iadsan a bha cogadh ’an aghaidh nan Easpuigean CUMHNANTAICH mar ainm. Mu Thaibhsean agus mu Bhuitseachd. THUIRT sinn san àireamh fa dheireadh, gu’n robh e’ nar beachd oidheirp air dearbhadh a thoirt seachad nach robh anns gach taibhs’, buitseach, &c. a bha cur na h-uiread de uamhann agus de thriobluid air ar sinnseara, ach nithe nach bu chòir dhuinn a chreidsinn. O cheann seachd bliadhna bha duine àraidh air a chlaoidh gu h-anabarrach le taibhs’ eagallach, a bha tighinn d’a ionnsuidh ann an riochd boirionnaich. Cha luaithe leigeadh e a cheann air an adhart, na chitheadh e a bhéisd a’ fosgladh dorus a sheòmair, leis a cholg a b’ oillteala. Cha robh feum a bhi riasunacha rithe, agus cha bu mhò oirre a spìonadh na cuileag; leumadh i air a mhuin, agus bhruthadh i e, gus nach mòr nach biodh an deo dheireannach as. Dh’ fheuch e gach dòigh air am b’ urrainn da smuainteachadh, chum cosg a chur oirre; ach’s ann a rinn gach ni dhiubh sin ni bu mhios’ i. Chuir e slatan caorainn os ceann na leapa, am Bìobull fo ’n chluasaig, agus le claidheamh dà fhaobhair dh’ àithn e do gach droch ni fuireach air falbh; ach thainig i mar b’ àbhaist di. Mar so, air a phianadh fad mìos, dh’ earalaich caraid air dol a dh’ iarraidh comhairl’ air Léigh a bha air a mheas na dhuine ladarna foghainteach, nach maitheadh leud na h-òirlich do’n taibhs’ bu mhò a theich riamh roimh ghlaodh coilich. Rainig se e, agus leig e ris da a staid bhrònach. Thug an Lithiche dha cùngaidh-leighis àraidh ach thuirt e ris, gu n robh e creidsinn nan caitheadh e a bheatha gu stuama, a’ gabhail suipeir eutrom, ag éiridh moch, agus a’ dol a luidhe gu tràthail; nach biodh feum air a chùngaidh-leighis. Rinn e mar dh’ àithn e dha, agus cha’n fhac’ is cha d’ fhairich e an taibhs tuille. Chunnaic Gill’ òg a bha tighinn dachaidh o bhi air chèilidh ann an tigh choimhearsnaich, solus mòr anns a chladh; agus anns an dùil gu ’m fac’ e ni eagallach, theich e leis a gheilt-chrith bu [TD 160] mò a dh’ionnsuidh tigh a Mhaighstir-sgoile, a bha mu fhad urchair peileir uaithe. “Ciod so! Ciod so! Uilleam, ars’ am Maighstir-sgoile, a bheil na bòchdain a sin’ ort, ’nuair a tha thu co bàn?” ’Nuair bha mi teachd seachad air a chladh sin thall, thuirt Uilleam, chunnaic mi solus eagallach ann; tha mi cinnteach gur i taibhs’ an duin’ a tha tinn anns a bhal’ ud shuas a th’ ann. Falbh a null Uilleam, ars’ am Maighstir-sgoile, dh’fheuch am faic mis’ i. Thuirt Uilleam, théid mi gu mullach an tuim fa chomhair, ach ni’s fhaide cha d’théid mise, no neach air bith eil’ a ghabhas mo chomhairle. Coma, nùll ghabh am Maighstir-sgoile, agus aig an t-solus bha e ann an tiota. Thig a nall Uilleam, ’s gu ’m faic thu do bhòchdan, ghlaodh e. A’glacadh misnich, o nach robh am fear eile a’ gabhail eagail, chaidh e null, agus ciod a bha’n so ach meall mòr de theine sionnachain ann an stoc grod craoibhe. Sin agad do thaibhs Uilleam, ars’ am Maighstir sgoile. Bheir rud no dhà a leithid so de sholus seachad. Bheir iasg seachad e; bheir feòil a bhitheas a’grodadh seachad e; bheir sùilean cuid de dhaoine seachad e; agus bheir na h-uiread de bheathaichibh seachad e. Agus le sin nach feud thu a thuigsinn nach ’eil tuille de bhòchdain anns na soluis sin a tha daoin’ a faicinn, na tha anns a ghealbhan leis a bheil thu a’ bruicheadh a bhuntàta. Bha tuathanach coir aig an robh buaile mhor chruidh fo iomaguin ghoirt, oir chuir e a mach air Bana-bhuitsich a bha ’sa choimhearsnachd, agus a chionn gun do thilg té no dhà de’n chrodh na laoigh. Bu bhoirionnach anabarrach crosda agus aineolach a Bhana-bhuitseach so. Thuirt i ris an tuathanach, A chionn mar rinn thu orm, bheir mis ort nach bi laogh beo a’d’ chrò air latha Cuingis. Chaidh an crodh an dolaidh, bha iad a’tilge nan laogh, agus cha robh bainne aca. Thuit uamhunn air agus dh’ fheòraich e do gach caraid, Ciod a ni mi? Ni, arsa fear bu tapaidh na chéile—ni, an àite an rud gun bhrìgh leis a bheil tha gan reangadh, am buaidheal a lìonadh le feur maith fallain, frògan balladh a bhà-thigh a lìonadh le còinnich, an cur a mach agus a stigh gun chù gu’n ghadhar, agus deagh leaba bhlàth thioram a chumail fòdhpa. Dean mar so agus feudaidh tu dùlan a thoirt do’n Bhuitsich. Agus mar thubhairt b’fhìor. Cha robh crodh no laoigh san sgìreachd uile a b’ fhearr na iad air a Chuingis. Chaidh duine dona roimhe so a bha ’n rùn nam biodag do dh’ fhear eile a chuir eagal air ann an coille a bha aige ri dol troimpe air oidhch’ àraidh. Chuir e lùireach mhòr bhàn air, agus sheas e air meadhon an rathaid. ’Nuair a a bha’m fear eil’ a’ dlùthachadh d’a ionnsuidh, rinn e an aon fhead bu chruaidhe a chual’ e riamh; agus an uair a ghlaodh am fear eile le h-uamhunn, Ni maith eadar mis’ agus tu! leig am béisd an dairearach ud á daig a bh’aige ’na làimh agus leum e as an t-sealladh air cùl pris. Shaoil an duine truagh gu’m b’e’n droch-spiorad a bh’ann, agus gu’n d’fhalbh e ’na lasair theine. Chaidh e dhachaidh, agus chum e a leaba rè fichead là. Dh’ éirich do ’n spréidh mar thachair do ’n t-sluagh, tha cuid diubh ni’s buailtiche do ghalar [TD 161] na cuid eile; agus o shean cha robh e neo-bhitheant’ a’ tachairt gu’n rachadh gach earchall a bha ’g éiridh dhoibh (cò dhiùbh bha e ’teachd o nadur an fhearainn, o dhroch bhuachailleachd, no o neo-fhallaineachd na spréidhe) a chuir as leth nam buidsichean. Cha bhi sinn a’ lionadh an Teachdaire luachmhoir le tuille de na nithe so; ach m’an co’-dhuin sinn, dh’ fheuchamaid do ’n neach a tha toirt creideas do ’n fhaoineachd m’an robh sinn a’ labhairt, cia mar tha e comasach gu’m b’ urrainn duits’ a chreutair thruaigh, a tha aineolach, gu h-inbhe bhig, air gach ni ach air crosdachd agus droch-nàdur? Cia mar, tha mi ag ràdh, a b’urrainn duitse cur an aghaidh Dhe?—An aghaidh an Ti sin a tha uile-chumhachdach, agus uile-léirsinneach?—An aghaidh an Ti sin a tha riaghladh talamh agus nèamh, agus gach ni a tha annta?—Cia mar, tha mi ag ràdh, a b’ urrainn duitse le d’ ghisreagaibh leibideach bochd a chuir air an laimh sin a chuir an deò anns gach créutair, agus a tha ’g an cumail suas? Nach ’eil thu a’ faicinn an tàir a tha thu a’ deanamh air Dia. Thoir cliù d’a ainm nach ’eil thu chean anns an àite sin anns a’ bheil gul agus gìosgan fhiacall, O! nach robh daoine glic. Tha am bàs aig làimh. LETH-GHAEL AN GAISGEACH. Seid, seidibh a ghall-tromp gu tartarach àrd, Biodh ’ur claidheamh a dealradh mu’n cuairt; Tha Saorsuinn a’ gairm air na laoich chum a bhlàir, Na clisgeadh Clann-Albuinn ro ’n fhuaim. Biodh cìocras na spùille na rùn aig a nàmh! Biodh an tràill fhein na threun airson òir! An ceannchar le airgiod calmachd na’n sonn? Cha ’n ann air ni suarach tha ’n tòir. Cha ’n ann,—biodh ’ur gairdein co saor ris a ghaoith, Biodh onair na h-iŭil dhuinn ’s gach àit, ’S i onair an spionnadh tha ’n gairdein an t-saoi ’S i ’s faobhar da chlaidheamh sa bhlàr, Bi iomhaigh na ’n dìlsean tha fillte na’n cridh, Mar sholus, ’s an tìr dhuinn ’s gach àit; Air an son gheibh sinn buaidh—mar fhaigh-gheibh sinn uaigh, ’S le ’m pòg, na le’n deòir, bi sinn pàight. Ma se ’us gu ’m pill sinn a rithist le buaidh; Na ma’s uaigh dhuinn ionad ur dàimh; [TD 162] O! ’s oirdheirc ar duais, agus ainmeil ar luaidh Sinn beannaicht’ le ’sluagh ar gràidh! Ead. le EILEANACH. MU’N CHRUINNE. Tha aghaidh a chruinne anabarrach eugsamhuil ’na dhreach. Ann an cuid de dh’àiteachan, chithear e ag éiridh an àird ’na mhill chnocach a shaoileadh tu a bhi ruigsinn seach na neòil. Ann an ionadan eile, tha e air a shìneadh amach ’na chòmhnardan cian-farsuing, far am bheil am fradharc air a chall ann am beachd gun chrìch. Ann an àite, chithear e a’ dol fodha ’na shluic ghleannach, dhomhainn, dhorch; agus ann an àit’ eile ag éiridh ’na stalcan dìreach, stùchdach, corrach. An sud, chi thu e ’na stiallan cama, cuan-chrioslaichte, agus an so, na chòmhnardan lunnach sàile. Tha na cnoic a’ruith ’nan dromanan fada, corr uair ri slios na fairge, agus uair eile ’gan sìneadh féin mar ghàradh-crìche eadar dà dhùthaich, no eadar dà earrann de’n aon dùthaich; agus, air uairean, gheibh thu beinn mhòr àrd air a suidheachadh leatha féin. Tha iochdar na mara na shluic agus ’na chnuic mar a ta uachdar na tìre; agus tha cuid de ghliocairean ann, a ta ’sa bheachd, nach ’eil anns na h-eileanan a gheibhear sgaoilte ’s gach àite air aghaidh a chuain, ach mullaichean chnoc a bha roimhe so fo’n fhairge. Anns na dùchanan tarlearach tha mòran de na beanntan a ta air an suidheachadh air leth, mar is trice a’ brùchdadh amach toit agus teine, luatha ’us clachan; agus, aig àmanan, spùtaidh iad anuas amhnaichean dian-scalldach de mhiotailtean leaghta, leis an tric léir sgrios agus dimilleadh a thoirt air daoine, air bailtean, air àiteach, agus air gach uile nì eile a thachaireas orra ’nan siubhal dearg loìsgeach, millteach. Tha dealachadh mòr eadar àirde nan cnoc ann an caochladh earran de’n t-saoghal. ’Si a bheinn a’s àird’ ann am Breatuinn, Beinn Nibheis, ann an Siorramachd Inbhernis, agus cha’n’eil i ach beagan ’us ceithir cheud deug slat, o chòmhnard na mara gu a mullach. ’Si a bheinn a’s àirde ’s an Roinn Eôrpa, a Bheinn Bhân, a measg nan Ailpean, air chùl na h-Eadailt, agus tha i corr ’us còig mìle slat air àirde. Tha beinn Chimboràso, ann an America deas, còrr môr agus sèa mile slat air àirde, agus, ged a tha i air a suidheachadh fo shìr-dhian-theas na gréine, tha a mullach air a chòmhdach le sneachda bith-bhuan. Ach tha beanntan ann am meadhoin na h-Aisidhe a thug bârr orra so gu léir; chionn chaidh cuid diubh a thomhas anns am bheil còrr agus ochd mile slat air àirde. Ach, their thu rium, “Ma tha a leithid sin de shluic ’s de chnuic air aghaidh a chruinne, cia mar a dh’ fhaodar a ràdh gu bheil e cruinn, réidh còmhnard?” Féumar aideachadh, nach eil e furasda do’n inntinn dol an aghaidh teisteas nan sùl, agus nach ioghnadh thu a cheist sin a chur, ’s gu bheil thu féin a’ faicinn nach eil aghaidh na codach sin de’n talamh air am [TD 163] bheil thu féin mion-eolach, aon chuid còmhnard. no réidh. Ach, an uair a bhrethnicheas tu air mèudachd a chruinne, agus a ni thu a mhèudachd a ta anns a bheinn a’s àirde air thalamh a choimeas ris sin, gheibh thu gu soilleir amach, le fìor bheag cùnntais, nach àirde tha bheinn sin aig éiridh os ceann uachdar a chruinne, na an àirde a dh’ éireas gràinean de ghainmhich mhìn os ceann còmhnard peileir canoin, ann an coimeas ris a pheileir fhéin; agus uime sin, gur gann is fhiach e na cnuic agus na glinn a mheas, gus a leithid sin de chunnail a thogail. A bharrachd, na’m biodh tusa air do thogail suas cho àrd anns an athar ’s gu’m faigheadh tu leth-chopan a chruinne gu h-iomlan fo d’ amharc, cha’n fhaiceadh tu neo-ionanachd no garbhlach sam bith air aodunn cuairt a chopain sin, ach, a dh’ aindeoin nan tulach ’s nan sloc a ta da rìreabh ann, ’s ann a chitheadh tu e cho réidh, còmhnard, ri cùl no ri dearna do làimhe. Uime sin, cha ’n ’eil na mill agus na glinn a tha air uachdar a chruinne a’ bacadh dhuinn a ràdh gu bheil e cruinn, na’s mò na tha na meallain agus na tolgain a tha mu thimchioll copan cnògaig, a’ bacadh dhuinn a ràdh gu bheil a chnògag cruinn. A. B. R. Sgeula mu Stoirm ghàbhaidh ann an Tiridhe. Air feasgar o cheann ghoirid, thachair dhomh cuairt a ghabhail sios gu stachd craige ri cois na fairge, nach robh mòran astair o m’ àite còmhnuidh. Rè na h-oidhche roimhe so bha ’n doinionn a’ séideadh gu garbh, agus gu h-eagallach. Shaoileadh neach gu’n robh na dùilean uile dol thar riaghailt, agus air éiridh suas ann an ceannairc. Bha gaoth agus uisge, clach-mheallain agus dealanach, mar gu’m b’ann a strìgh ri chéile air son uachdranachd. O! cia taingeil bu chòir do gach aon a bhi, (smuaintich mi agam fein) aig a’ bheil fasgadh an tighe os a cheann, agus blàths an teine na thaic, ri leithid na h-oidhche so. Is cinnteach mi gur iomad fear a tha’n nochd gu h-ànnrach air druim a chuain, gu fliuch fuar air bàrr croinn, no air ceann slaite, a neart agus a chàil air an caithe le faire agus trom shaothair, dh’ fhaoidte ’g amharc a bhâis anns an aodann, agus a’ feitheamh na h-uair anns am bi e air a shlugadh suas: cia toileach a bheireadh iad seachad an cuid de’n t-saoghal air son fasgadh na craige, no leud na cois’ air tìr! ’S iomad aon a bha air a mhaduinn ma dheireadh gu h-ealamh, misneachail, fearail, a bhios na luidhe gun chlì ann an ìochdar nan uisgeachan m’an dealraich an ath-mhaduinn; agus nach fàiltich caraid no luchd-dàimh gu tìr ni’s mò! Ciod am fios a th’ agam nach ’eil cuid de m’ cho’-chreutairean a nis fein ann am dhlù choimhearsnachd, a tha air an iomain gu luath le ainneart cuain gu cladach coigreach, far am bi an long ris a’ bheil am beatha an earbsa, ged bu làidire i n’an t-iarunn, air a pronnadh na ceud mìle bloigh, cheart cho luath ’sa bhuaileas i a charraig bhàsmhor sin, m’an gann a bhitheas ùin’ aig na daoine truagha gairm air Dia E ghabhail ann an tròcair ri’n anam—Chum na smuainte so mi gun tàmh earrann mhòr de’n oidhche. Ach o na dhealraich solus an là, bha’n doinionn gharg uidh air’n [TD 164] uidh a’ strìochdadh, bha’n cuan ann an tomhas mòr air sìoladh, bha ghaoth air tuiteam na codal; agus a nis ’s gann a bha deò air aghaidh na mara, ged a bha fhathast na tonnan mòra maola gorma a’ nuallanaich, agus a’ bualadh gu tìr le guth tàirneanaich. Shuidh mi sios greis air a chreig, mar is minic a rinn mi ’nuair bu mhiann leam còmhradh diomhair a bhi agam ri m’ chridhe fein. ’S éiginn domh aideachadh gun robh tomhas de thlachd agam riamh ’na leithid so de shealladh: tha e gu’n teagamh uamhunnach, ach tha seòrsa de riarachadh na chuideachd nach ’eil furasd a chur an céill; oir’s i mo bharail nach urrainn neach sam bith beachdachadh air a chuan fharsuing mhòr, ’nuair tha e’g éiridh suas mar so ’na mhòrachd, air àt na bheanntaibh glas uisge, agus a’tuiteam na ghleannaibh dorcha domhain, àrd-tonn gun tàmh aig iomain tuinne, an talamh daingeann fein air chrith fo neart am buillibh, iadsan gan sloistreadh ’s gan riasladh ri aghaidh nan creag; agus ’an sin a’ falbh nan smùid ghil anns na speuraibh. Tha mi ’g ràdh gur gann is urrainn neach sam bith, anns a’ bheil tuigs’ agus mothachadh, so a thoirt fainear, gun inntinn a bhi air a lìonadh le smuaintibh sdòlda suidhichte, agus a chridhe bhi air a thogail suas a dh’ ionnsuidh na Ti Uile-chumhachdaich sin a chomharaich a mach criochan a chuain, agus a thuirt ris na tonnan uaibhreach, “An fhad so thig sibh, ’s cha d’thig ni’s faide.” Ard onfha cuain is fairge mhòir, ’S tu chuireas iad fo reachd; A tonnan àrd ’n trà dh’ éireas suas, Caisgidh tu iad le smachd. Salm 89 A chuain mhòir, thuirt mi ri m’ inntinn fein, cia treun agus uamhasacb an nàmhaid thusa, ’nuair tha thu fo bhuaireas. Cia faoin agus neo-ni’each a tha neart uile shluaigh an t-saoghail gu d’chosg, ’nuair tha thu ’g éiridh suas ann ag chorruich? Cia mealltach cealgach thu ’nuair tha thu codal ann an sìth? Cia minic tha iadsan a’ruith gu sgrios, a tha càramh an earbs’ annad ’nuair tha fiamh ghàir air do ghnùis? Nach samhladh so air anam an duine? Nach maiseach agus oirdheirc na ceudfaidhean a bhuilicheadh air an uair tha iad fo uachdranachd riasuin agus creidimh; ’nuair tha gach togradh mi-bheusach fo smachd, agus sinn a’dol air ar ’n aghaidh gu socrach réidh ann an slighe ar dleasdanais, mar gu’m b’ann le gaoth chiùin thlà ’nar déigh? Ach O! cionnas a tha’n sealladh air atharrachadh, agus air teachd fo smal, ’nuair tha neòil thiugha dhorcha a pheacaidh a’ dòrtadh a nuas m’an cuairt oirnn; ’nuair tha ana-mianna do-cheannsuichte, mar an doinionn, g’ar luasgadh, ’s g’ ar n-iomain gu tìr, gus a’ bheil sinn fa dheireadh a’ deanamh long-bhristeadh air ar creidimh agus deadh choguis? O! gu’n deònaicheadh an Ti sin, aig a’ bheil cridheachan dhaoine na làimh, agus is urrainn an aomadh mar is àill leis; gun deònaicheadh e fein duinn a ghràs agus a chuideachadh chum gach togradh mi-naomha thoirt fo cheannsal; gun d’ thugadh e dhuinn mothachadh iomchuidh air ar n-anmhuinneachd fein, agus air an fheum a th’ againn air a chòmhnadh. Gu’n robh Esan againn ’na sholus agus ’na fhear-iùil rè ar turais sgìth tre’n bheatha so, gus an ruig sinn fadheòidh, trid feartan ar Slanuighir bheannaichte, an Cala sona sin, far an sealbhaich sinn fois agus suaimh- [TD 165] neas, far nach buail a ghrian sinn san là, no a ghealach san oidhche, far nach cruinnich neoil an uilc, agus nach urrainn an iomghaoth no an doinonn a chaoidh teachd am fagus. Bha mi pilleadh dhachaidh anns a chruth inntinn so mu dhorcha nan trà, ’nuair a thachair duine còir orm air an rathad. Shuidh sinn am fasgadh craige car tamuill; agus m’as beo mi leigidh mi ris duibh cuid de’n t-seanchas san ath Theachdaire. N. M‘L. Sgeula beag fìrinneach mu Eanraic VIII. Righ Shasunn. Mar bha an Righ ainmeil so a’ sealg am frìth Windsor, anns an robh féidh gu lionmhor san àm sin, chaidh e d’a dheoin, mar gu’m b’ ann, air seachran;—dh’ fhàg e càch—agus ghabh e sios gu Abaid àraidh a bha sa choimhearsnachd.—Cha do leig e air cò e—Chaidh e stigh an làthair an Aba, agus fhuair e cuireadh chum a dhinneir a ghabhail maille ris. ’Se so a bha’m beachd an Righ. Chuireadh feòil ròsta fa chomhair, agus ghrad thòisich an Righ, agus ma thòisich h-eap nach sguireadh e—Gu meal thu do shlàinte, ars’ an t-Aba, cha’n fhaca mi ri taobh bùird fhathast na rachadh os do cheann—So dhuit gloin’ de’n fhìon is fearr a tha agam a chur sìos na feola—So deoch slaint’ an Righ—B’ fhearr leam, ars’ an t-Aba, na ceud bonn òir gun robh sannt bìdh orm mar tha ort—is gann a dh’ itheas mi sgiath eireige—Dh’ òl an Righ gu cridheil air an Aba—agus dh’ fhàg se e—gun an t-Aba dh’fhaotainn a mach cò bha aige. Seachduin no dhà na dhéigh so, thainig Maor-Righ—agus deanar prìosanach de’n Aba, agus sparrar ann an tùr Lunnuinn e, gun fhios car son—cha d’fhuair e ach aran agus uisge—bha uamhas air, agus cha b’urra dha a thuigsinn ciod a thug so na charamh—Ach latha de na làithean sgaoileadh bòrd rìomhach ma choinneamh—le anart ùr geal—agus cuirear feòil ròisde fa chomhair, co blasda ’sa chaidh riamh air bòrd. Shuidh an t-Aba—thòisich e air an fheòil, agus ma thòisich h-eab nach sguireadh e—ghrad fhosgladh an dorus, agus a stigh ghabh an Righ.—Pàigh air ball do cheud bonn òir, ars’ esan, mar gheall thu do dhuin’ a bheireadh dhuit sannt bìdh mar chunnaic thu agamsa. As a so cha téid thu gus an dìol thu a pheighinn fa dheireadh dheth; Leighis mis thu, bha do ghoile agad an diugh ma bha e aig duine riamh. Dhomh mo dhuais. Dh’fosgail an t-Aba a sporan, dhìol e do’n Righ an ceud bonn òir, làn toilicht’ am prìosun fhàgail; ged bha a sporan ni b’eatruime, bha a thogradh gu ithe ni b’ fhearr. MACRUIMEIN; No, Cumhadh an Fhògarraieh. Bratach-bhuadhail Mhicleoid o’n tùr mhòr a lasadh, ’S luchd iomraidh nan ràmh greasadh bhàrc thair ghlas-chuan; Bogh, sgiath, ’s claidheamh mòr, ’s tuagh gu leòn, airm nam fleasgach, ’S Macruimein cluidh cuairt—“Soraidh-bhuan le Dunbheagain.” [TD 166] Slan leis gach creig àrd, ris ’m bheil gàirich àrd-thonnan— Slan leis gach gleann fàs san dean cràichd-dhaimh an langan— Eilein Sciathnaich àidh! slan le d’ bheanntaibh ’s guirm fireach; Tillidh dh’ fhaoidte Macleoid—ach cha bheo Macruimein. Soraidh-bhuan do ’n gheal-cheo tha còmhdachadh Cuillein! Slan leis gach blàth shuil th’air an Dùn, ’s iad ag tuireadh! Soraidh-bhuan do ’n luch-ciuil ’s tric chuir sunnd orm a’s tioma! Sheol Macruimein thar sàil ’s gu bràth cha phill tuilleadh. Nuallan allt’ na Piob-mhòir, cluich marbh-rann an fhilidh, Agus dearbh bhrat a bhàis mar fhalluing aig uime; Ach cha mheataich mo chridhe, ’s cha ragaich mo chuislean, Ged dh’ fhalbham le m’ dheoin—’s fios nach till mi chaoidh tuilleadh! ’S tric a chluinnear fuaim bhinn caoidh thiom-chridhe Mhicruimein, ’S nuair bhios Gaidheil a’ falbh thair an fhairge ’ga’n iomain; O chaomh thir ar gràidh! o do thràigh ’s rag ar ’n imeachd, Och cha till—cha till—och cha till sinn tuilleadh! MO PHEIGI ’S RIBHINN OG I. Mo Pheigi ’s ribhinn òg i Air teachd gu bliadhnaibh deug, Co geal ’s an là, co ciùin ’s am Màgh, Co geal ’s an là, ’s i ghnà’ ro thlà. Mo Pheigi ’s ribhinn òg i, ’S mi fein cha ’n ’eil ro aosd’; Bu mhiannach leamsa tachairt rith’ Aig àiridh a chruidh laoigh. Mo Pheigi labhras caoimhneil, ’N uair tharlas sinn leinn fein, S ni ’n iarram còir ach ise mar stòr, Ni ’n iarram còir air coroin òir. Mo Pheigi labhras caoimhneil, ’S do chàch ni ’n d’thoir mi gaol; Ri gnùis-sa ni mo chridh’ luath-ghair Aig àiridh a’ chruidh laoigh. Mo Pheigi ghaireas cairdeil ’N uair labhram rith’ mu ghaol, Gu sealluinn fo ’m air lùchairt mhòr, Gu sealluinn fo ’m air corain oir. Mo Pheigi ghàireas càirdeil, Ni sud mi lan do ghaol; Ach ni sam bith bheil leam co ait Ri m’ Pheigi ’s a crodh laoigh. Seinnidh m’ òigh’ ni’s mìsle Na Phiob, ’n uair ghlacam fein; ’S le càch gu leir sior-aidicht’ leo, Le càch gu leir ’si ’s blasda ceol. Mo Pheigi sheinneas siobhailt, ’S na ceol’ bheir i dhomh sgeul, Air neo-chiontachd ar giulain fòs Aig mainnir ’s crò’ na spreidh. Sgeula beag eile mu Righ Eanraic VIII. Bha’n Righ ro dheonach air a Cléir, a bh’ ann r’a linn, a chumail fodha, agus na dh’ fheudadh e a [TD 167] spìonadh uatha, air an leithsgeul a b’ fhaoine; air uairibh gun leithsgeul idir. Chuireadh e fios d’an ionnsuidh, an t-suim so, no an t-suim ud eile, de dh’ òr a thoirt da, no gu’m fuilingeadh iad a dhiumb—agus cha robh chridh ac’ a dhiùltadh. Chual’ e gun robh anabharra beartais aig Aba Ghlaistinburi—Chuir e fios air a chainnt ris—agus dh’innis e dha mar fuasgladh e tri ceistean a chuireadh e air gu’n d’thugadh e an Abaideachd air falbh uaithe, cha’n e sin a mhàin, ach gu’n cuireadh e gu bàs e. Oir bu chòir do’n Chléir, a deir esan, a bhi tuigseach agus comasach air gach ceist fhuasgladh. Gheall an t-Aba a dhìcheall a dheanamh: Cluinneam iad, ars’ esan, agus oidheirpichidh mi am fuasgladh. I. Ciod e an t-astar mu chuairt an t-saoghail? II. Ciod e doimhneachd a Chuain? III. Ciod a ta’n Righ a’ smuainteachadh? Sin agad na tri Ceistean—gabh dhachaidh, agus gabh seachduin a chuimhneachadh orra. Chaidh an t-Aba bochd dhachaidh gu dubhach deurach, agus cha bu nàr dha; chaill e a mhisneach,—thug e céill, agus luidh e ’no leabuidh, gun a dhùil ri éiridh—Dh’ innis e mar bha chùis do Chòcaire mòr reamhar a bh’ aige, a bha ro choslach ris fein ’na chumadh agus ’na dhreach. Bha’n Còcaire so anabarrach deas-chainnteach, geur-thuigseach. Leig dhòmhs’, ars’ esan, an Righ a thoirt orm, agus feuchaidh mi ciod is urrainn domh a ràdh. Chuir e uime aodach an Aba, a ghruag, a chasag, agus a chleochd; agus bha e co coltach ris ’s nach do chuir an Righ umhaill nach b’e’n t-Aba bha na làthair. Ciod, ars’ an Righ, an t-astar a tha mu chuairt an t-saoghail? Tha astar cheithir-uaire-fichead, ars’ am fear eile, agus nan coisicheadh neach sam bith co luath ris a ghréin, dheanadh e an t-astar san àm sin gu furasda—Is maith a fhreagair thu, a deir an Righ—Ach ciod e doimhneachd a chuain? Tha mar fhad urchair cloiche, ars’ an Còcaire; oir tilg clach a mach san àit’ is doimhne sa chuan, agus ruigidh i an grinneal uair-eiginn. ’S maith a fhreagair thu, ars’ an Righ; ach fuasgail an treas ceist, agus is leat do shaorsadh. Sir, ars’ esan, le’r cead a cheist is fhus’ a fhreagairt air fad—ged a tha sibh am barail gur i is duileadh. Bha sibh a’ smuainteachadh gur mise Aba mòr Ghlaistinburi, ach an àite sin, cha’n’eil annam ach Iain Glas an Còcaire. Rinn an Righ glag mòr gàire—agus chaidh an Còcaire dhachaidh le aighear. AN SAGART TURCACH. Bha sagart Turcach air a thurus tre fhàsach Arabia, agus latha de na làithean choinnich e dà Mharsonda. “Chaill sibh Càmhal, ars’ esan ris na marsondaibh.” Chaill gun teagamh ars’ iadsan. Nach robh e càm ars’ an sagart? agus nach robh fiacail bheoil a dhì air? Nach robh ceum crùbaich ann? Tha thu ceart, a deir iadsan, bha chùis dìreach mar tha thu ’g ràdh. Agus ars’ an Sagart, nach robh mil san dara cliabh a bha air a dhruim, agus cruithneachd sa chliabh eile? Tha thu gle cheart, a deir na marsondan; agus o’n a tha thu co fiosrach eolach mu gach ni a thachair, innis duinn c’àit a’ bheil an Càmhal a chaidh air seachran [TD 168] oirnn?—tha sinn sa cheart àm air a thòir, treòraich sinn d’ a ionnsuidh. An cluinn sibh mi, deir an Sagart, cha’n fhaca mi riamh an Càmhal a chaill sibh—agus cha mhò a chuala mi gu ’n do chaill sibh e, gus an do thachair sinn air a cheart àm so. Na labhair mar sin, a deir na Marsondan cha’n amadain sinne—Cia mar a dh’ innse tu a chùis co pongail dhuinn mar bitheadh tu air fhaicinn no air fhiosrachadh air dhòigh éiginn? So, So—a charaid, tog de d’ fhealadhà, agus innis air ball c’ àit a’ bheil an t-òr ’s an t-airgiod a bha air a Chàmhal, co maith ris a mhil, agus ris a chruithneachd. Cha’n fhaca mi, deir esan, an Càmhal riamh, ni mò a chunnaic na laimhsich mi ur n-òr no ur n-airgiod. Las corruich nam marsondan—ghlac iad an Sagart, agus thug iad air amhaich e chum Breitheamh a bha sa cheud bhaile mòr a ràinig iad. Dh’ innis iad mar bha chùis—Ciod a tha agad ri ràdh, deir am Breitheamh? Aidich an fhìrinn, no ’s éiginn dòmhsa do chuir sa phrìosun. Rannsaicheadh e—ach cha robh bonn òir air a shiubhal, is cha mhò bha dearbhadh sam bi aca ’na aghaidh. Cha robh fios aig a Bhreitheamh ciod bu chôir dha a dhèanamh. Smuaintich iad gur fiosaich’ a bha ann—agus bha iad a’ dol a dheanamh droch laimhseachadh air—Air ur socair, a deir an Sagart, na biodh an t-anabarra cabhaig oirbh—éisdibh mo sgeula—cha ’n iongantach leam ge d’robh sibh amharusach umam, ach soilleirichidh mis’ a chùis duibh—Tha mise gu tric a’ siubhal roimh fhàsach Arabia, agus is àbhaisd domh beachd a ghabhail air gach ni a chi mi—Thuig mi gun deachaidh Càmhail seachad tre’n fhàsach, oir chunnaic mi a lorg sa ghaineamh. Thuig mi gun robh e air seachran, oir cha robh lorg duine ri fhaicinn ’na dhéigh: Thuig mi gun robh e air seachran, oir cha robh lorg duine ri fhaicinn ’na dhéigh: Thuig mi gu ’n robh an t-ainmhidh câm, oir dh’ ith e o gach toman feoir a bha air an dara taobh de’n rathad, ach cha d’thug e greim bhàrr na taobh eile. Thuig mi gun robh aon de na fiaclan toisich (no beòil) as, oir anns gach làn beòil a dh’ ith e bha bad beag air fhàgail, air nach do ghreimich e le di na fiacaill. Thuig mi gun robh mil san dara cliabh, agus cruithneachd sa’ chliabh eile; oir bha na seangain gu lionmhor an tòir air gach spilgein a thuit deth—agus bha na cuileagàn gu dlù a’ deoghal gach braon meal’ a a thuit o’n chliabh eile. NAIGHEACHDAN. Cha’n’eil mòran naidheachdan againn. Tha Diùchd Wellington, agus a chuid eile de àrd-chomhairlichean an Righ air dol as an dréuchd, agus muinntir eile air teachd ’nan àite, a tha gealltainn mòran feum a dheanamh do ’n rìoghachd. ’S i ùin’ a dhearbhas so. Cha ghlòir a dearbhas ach gniomh. Tha cosnadh pailt, agus tha’m biadh saor. Tha sìth agus socair san dùthaich so, ach tha caileiginn de mhi-riaghailt an àitibh àraidh de Shasunn; ach tha dòchas againn gu’n sguir iad, agus gu ’m faic iad mearachd an deanadais. Tha mòran calldaich air muir, a dh’ éirich o’n doinionn ghàbhaidh a bh’ ann o cheann ghoirid. Cluinnidh ar Cairdean uainn san ath-Theachdaire. Tha FOCLAIR ùr Gaelic agus Bheurla, &c. air a chur a mach le W. R. M‘Phun ’an Glaschu. Tha e ann an tomad beag, agus ruigidh luchd-cosnaidh air a cheannach. Tha e air a Chlò-bhualadh gu soilleir, co saor o mhearachdan ri aon leabhar ’sa Ghaelic. [TD 169] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS MEADHONACH A GHEAMHRAIDH. XX. AIREAMH. 1830 NA H-ARABIANAICH. An fhàisneachd mu thimchioll luchd àiteachaidh Arabia. Bithidh e ’na dhuine fiadhaich; bithidh a làmh an aghaidh gach ine, agus làmh gach duine ’na aghaidh-san: agus am fianuis a bhràithrean uile gabhaidh e còmhnuidh. ’S ANN o Ismael mach Abraim, a thainig luchd àiteachaidh Arabia; agus tha’n eachdruidh co iongantach ri eachdruidh teaghlaich Israel, a mhac eile.—B’i Hagar a bhan-oglach Eiphiteach, bu mhàthair do Ismael. Agus ge nach b’e Ismael oighre nan geallainnean mòra, gidheadh rinneadh geallaine àraidh le Dia as a leith. Thugamaid cuid de ’n fhàisneachd mu thimchioll sliochd Ismaeil fainear. Tha e air a ràdh, Gin. xvii. 20. “Thaobh Ismael, chuala mi thu: Feuch bheannaich mi e, agus ni mi sìolmhor e; agus cuiridh mi’n lionmhoireachd e gu h-anabarrach.” Choimhlionadh an gealladh so anns gach dòigh. Chinn clann Ismaeil lìonmhor ann an ùine ghoirid—agus ann an lìnn no dhà an déigh bàs Ismaeil, bha iad ’nan cinnich chumhachdach, agus cha’n’eil air aghaidh an t-saoghail sluagh is lionmhoire na iad Thubhairt Dia gu moch, Gin. xvii. 20. Dà cheannard deug ginidh e, agus ni mi ’na chinneach mòr e. Tha an ginealach sin air an ainmeachadh anns a xxv. 16 de Ghin. Cha robh iad so ri bhi nan Righrean, ach nan Cinn-chinnich, agus riamh a nuas o’n àm sin cha robh righ thairis air luchd-àiteachaidh Arabia. Tha na h-Arabaich, sliochd Ismaeil mar bha na Gaedheil o shean, ’nan cinneach, no nam flneachan le ceann-cinnich aig gach fine fa leth, thairis air fein. Mu thimchioll sliochd Ismaeil, na h-Arabaich, tha e air a ràdh, “ni mi e ’na chinneach mòr.” Tha so air a ràdh gu tric mu dhéimhinn na muinntir so.—Agus dh’ éirich iad gu trà gu bhi’nan cinneach mòr lionmhor. Bhuanaich iad ’nan cinneach mòr o ’n àm sin—agus a measg uil’ atharraichean an t-saoghail, sheas iad ’nan cinneach mòr gus an lâ an diugh. Tha e air a ràdh san fhàisneachd m’an timchioll, “Bithidh e ’na dhuine fiadhaich.” Leis na briathraibh so tha e air innse gu’m bitheadh sliochd Ismaeil ’nan daoine borb allmharrach, eucosmhuil ri cinneich, no sluagh air bith eile. Agus mar so bha iad o’n àm sin; agus mar so do réir coslais, bithidh iad—Tha iad ’nan daoine co [TD 170] fiadhaich ’s nach do cheannsaicheadh riamh iad—ni mò a thainig iad fo laghannan agus riaghailtean mar rinn rioghachdan eile. Tha iad an diugh co fiadhaich ’sa bha iad o cheann tri mìle bliadhna. Tha e air a ràdh Gin. xxi. 20. mu thimchioll Ismaeil, Ghabh e còmhnuidh san fhàsach, agus bha e ’na fhear-bogha. Rinn a shliochd an ni ceudna—Tha iad gus an là an diugh a chòmhnuidh ann am fàsaichibh—cha’n’eil fir-bhogha co seòlta dheas riu. Ach ’s i fhàisneachd is iongantaiche m’ an timchioll, na tha air a ràdh anns an rann leis an do thòisich sinn—“Bithidh a làmh an aghaidh gach duine”—agus mar so bha a shliochd o’n àm sin. Cha’n’eil fois no sìth aig rioghachd no sluagh air an urrainn iad ruigheachd—Tha iad ’an uidheam cogaidh do ghnà—’nan creachadairean air tìr, agus ’nan spùinneadairean air muir.—Cha’n’eil e comasach cùmhnanta seasmhach a dheanamh riu—cha ’n eil bann eadar iad agus rioghachd air thalamh.—Ge lìonmhor laidir na Turcaich, agus na Persianaich, a tha nan dlù choimhearsnachd, cha d’ fhuair iad còrdadh no cùmhnant a dheanamh riu riamh, ach a’ dìoladh dubh-chìs doibh o bhliadhna gu bliadhna, mar a b’ àbhaist do na creachadairibh Gaelach.—Cha’n’eil tìr no dùthaich air uachdar an t-saoghail anns nach d’ fhuair Breatunn seòrsa de chòmhnuidh no de thuineachas leis am feudadh iad reic agus ceannachd a dheanamh—ach cha’n’eil leud am bròig’ aca an tìr nan Arabach. Tha cuid diubh ’am fearann creagach—cuid diubh ’an tìr chòmhnard réidh—Tha cuid diubh ’am fàsaichibh farsuing gainmhich—cuid diubh air machraichibh mòra feurach.—Tha cuid diubh ’an rioghachdain tìorail—cuid diubh ri taobh a chuain, agus eirthir na fairge.—Tha barrachd fearainn fodhpa agus rioghachdan ni’s farsuinge na bha riamh aig an Ròimh ann an àird’ a glòir—Tha cuid diubh mìle de mhiltean o chéile, gun eòlas aig an dara muinntir air a mhuinntir eile,—gun chairdeas gun daimh gu ’n ceangal. Ach na dhéigh so uile, ge b’e air bith âite ’s a bheil sliochd Ismaeil, cha’n’eil eadar-dhealachadh ri fhaotainn eatorra. O linn gu linn dh’fhan iad mar bha iad—“Nan daoine fiadhaich—an làmh an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine ’nan aghaidh-san.” Tha e air a ràdh mu thimchioll Ismaeil o’n d’thainig na daoine so, “Am fianais a bhràithrean uile gabhaidh e còmhnuidh.” Gin. xvi. 12. Tha’m focal a tha’n so air eadar-theangachadh, gabhaidh e còmhnuidh, a ciallachadh a bhi chòmhnuidh ann am bùth no ann am pàilliuin—’s cha’n ann ann an tighibh no ann an aitreabh sheasmhaich. ’S ann ann am pàilliuin a bha Ismael a chòmhnuidh—bhàsuich e ’an làthair a bhràithrean. Gin. xxv. 18. Agus is ann am bùthaibh no am pailliuinibh a tha shliochd a chòmhnuidh o’n àm sin—agus tha iad mar so ’am fianuis am bràithrean—’se sin ann am fianuis nan rioghachdan mòra sin a thainig o mhic Abraim; bràithrean Ismael. Agus ged a tha iad do ghnà ann an éididh cogaidh, agus ge nach robh bann sìth eadar iad agus rioghachd eile riamh; tha iad an diugh a chòmhnuidh ’am bùthaibh am fianuis sliochd bhràithrean Ismaeil, mar bha iad o cheann trì mìle bliadhna. Dh’fheuch na h-Eiphitich agus [TD 171] na h-Asirianaich gu tric ri cur as doibh—ach chuir na h-Arabianaich gu’n dùlan iad. Chual ar leughadairean gu minic iomra air Alasdair uaibhreach, mac Righ Philip. Bhuadhaich e an aghaidh gach rioghachd air an tug e oidheirp.—Chuir Righrean agus Prionnsachan an t-saoghail teachdairean d’a ionnsuidh a thoirt urram dha, chum iad fein a chur fo a mhèinn. Ach na h-Arabianaich bha iad suarrach mu dhéighinn—cha robh suim aca dheth. Sheas iad sin a mhàin a mach, agus chuir iad eadhon Alasdair ga dhùlan. Chuir so corruich mhòr air an duin’ ainmeil so. Chruinnich e armailt lionmhor—rinn e uidheamachadh mòr chum cur as doibh; ach air a cheart àm sin ghlac am bàs e. Thug na Ròimhich oidhirp air an ni cheudna, ach cha deachaidh leo—agus ged a bhuadhaich Pompey thairis air trì chearnaibh de’n t-saoghal, dh’fhartlaich Arabia air. Dh’fheuch Trajan agus Severus ris an ni cheudna; ach chaidh e ’nan aghaidh. Ri linn Mhahomed, Fàidh ainmeil nan Arabianach, dh’éirich an sluagh so gu bhi ’nam pobull mòr. ’Se Sarasanaich is ainm dhoibh mar is trice ann an eachdruidh m’an àm sin. Chuir iad rioghachdan mòr fo chìs doibh. Thug iad buaidh air dùchannan farsuing; agus b’iad fein an aon sluagh saor a bha sa chearna sin de’n t-saoghal. Agus ged a thuit rioghachdan Sarasanach gu làr, cha d’ thugadh buaidh air na h-Arabianaich. Tha iad an diugh co saor ’sa bha iad—a chòmhnuidh am bùthaibh, ’nam fàsaichean farsuing, le’n treudaibh lionmhor, a’ siubhal o àite gu h-àite—suarrach ma’n t-saoghal gu lèir, an làmh an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine ’nan aghaidh-san Tha iad ’nan cinneach mòr ’an làthair am bràithrean. Cha’n’eil sluagh eile air thalamh air nach tainig caochladh no atharrachadh ach iad. Tha iad co fiadhaich allmharra ’sa bha iad, ’nan culaidh uamhais do gach neach a thig ’nan rathad—ach dìleas ’nan geallaine dhoibhsan a cheannachas an càirdeas le òr. C’àit a bheil coslas an diugh eadar luchd-àiteachaidh Bhreatunn, agus iadsan a bha ga àiteachadh o cheann trì mìle bliadhna? A’bheil aon sluagh eile air uachdar an domhain air fad air dhoigh sam bith cosmhuil riu-san o’n tainig iad tri mìle bliadhna roimhe so? A’bheil cànmhuin an diugh ann an aon dùthaich air talamh air a labhairt san dùthaich sin mar bha i air a labhairt o cheann trì mìle bliadhna? Cha’n eil. ʼS ann mu shliochd Ismaeil—mu na h-Arabianaich a mhàin a dh’fheudar so a ràdh. Nach e Dia a mhàin a b’ urra so innseadh o cheann trì mìle bliadhna? Cò ach esan, no fàidh air a shoilleireachadh leis, a b’urrainn a chur ’an céill m’an d’thainig Ismael a dh’ionnsuidh an t-saoghail; cha’n e’mhàin na dh’éireadh dha fein gu latha a bhàis—ach eachdruidh nan cinneach a thigeadh uaithe ré milte de bhliadhnaichean ’na dhéigh sin? Mar bha Ismael air a thimchioll-ghearradh—mar sin tha iadsan. Bi ban-oglach nach robh pòsda a mhàthair mar so tha gach màthair a measg nan Arabianach. Bha esan a chòmhnuidh ann am bùth san fhàsach, mar sin tha iadsan gus an là an diugh—ag imeachd mar rinn esan o àite gu h-aite. ’Se is ciall dò’n ainm a tha iad a’ gabhail (Bedoweens) na daoine siùbhlach—no an cinneach luaineach. Bha Ismael ’na fhear-bogha—mar sin tha iadsan. Bha e gu bhi ’na athair do dhà chean- [TD 172] nard deug, agus tha iadsan’ a shliochd’ nan cinnich fo chinn-fheadhna gus an là an diugh. Bha Ismael na dhuine fiadhaich—a làmh ’an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine na aghaidh-san. Mar sin tha iadsan, a’cogadh an aghaidh gach rioghachd a thig’nan rathad; agus gach rioghachd a thig ’nan caramh a’ cogadh riu. Nach ’eil so uile iongantach? agus na chùis smuainteachaidh? Cha’n’eil ach aon phobull eile ri fhaicinn’ a sheas air leth o’n t-saoghal, mar rinn na h-Arabianaich, agus a tha nan sluagh leo fein—agus ’s iad sin na h-Iudhaich. Thainig iadsan o Abraham mar rinn na h-Arabianaich. Tha iad le chéile a’ cleachda òrdugh an timchioll-ghearraidh. Bha aca le chéile a dhà-dheug de phrìomh-aithrichean. Cha phòs iad (an dara cinneach no an cinneach eile) mnathan ach de’m pobull fein. Tha iad le chéile nan dearbhadh laidir air firinn fàisneachd nan Scriobtuir, agus a’leigeadh ris duinn an làn earbs’ a dh’fheudas sinn a chàramh anns gach focal a tha ann an leabhar Dhe. An urrainn duinn teagamh a chur anns an eachdruidh tha againn ’sa Bhiobull mu dhéighinn Abrahaim agus Ismaeil, ’nuair tha sinn gus an latha ’n diugh a’ faicinn na h-eachdruidh sin air a firinneachadh fa chomhair ar sùl. Amhairc air Luchd-àiteachaidh Arabia; éisd ris na tha gach fear-turuis ag innse dhuit m’an dùthaich sin, agus m’an t-sluagh a tha chòmhnuidh innte; agus tuig le taingealachd an coimhlionadh tha agad anns na nithibh sin air fàisneachd Iehobha. “Gun teagamh tha an Ti is àirde a’ riaghladh ann an Rioghachdaibh an domhain, agus tha ’fhìrinn mar a thròcair buan mhaireannach gu bràth.” Campsie, 1830 T. M‘L. MU CHALLDACH LUINGEAS, NO LONG-BHRISEADH. Cha ’n ’eil an dosguinn thruagh so a’ tachairt a nis air cladaichean ar dùthcha co tric ’sa b’ àbhaist da. Tha tighean soluis ni ’s lionmhoire—tha maraichean ni’s eolaiche, agus na Soithichean am bitheantas fo uidheam ni’s fearr na bha iad. Tha e na aobhar sòlais ’nuair thachras calldach Luingeas, gu bheil ar luchd-dùthcha a’ taisbeanadh, mar is trice, an caoimhneas is mò do na seoladairibh bochda, a tha air an tilgeadh le ainneart cuain air an cladaichibh. Ach tha eagal oirnn gu ’bheil àiteachan iomallach ann fhathast, far a’ bheil ar luchd-dùthcha tuille’s ealamh gu làmh a chur air gach tachdar is urrainn iad a shlaodadh leo air tàillibh calldach Luingeas a tha tachairt. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil iad ann, feadhainn nach goideadh mult no caora, nach fuirgheadh air an ais o ni air bith a chitheadh iad air an tràigh a spùinneadh leo; agus am feum fein a dheanamh dheth gun agartas cogais agus gu’n nàire, ged a robh làn fhios aca co dhà a bhuineadh e. Is iomchuidh dhuinn ar guth a thogail an aghaidh so—agus a ràdh, gu bheil e ceart co peacach an làmh a chur gun chead air na thig mar so gu tìr, ’sa bhitheadh e dhoibh mart no mult a gheibheadh iad air seacharan a thoirt dhachaidh, agus a chur gu feum ’nan tighibh fein. Ann an làthair Dhe cha ’n ’eil eadar-dhealachadh air bith sa chùis. San àireamh fa dheireadh thug sinn cunntas mu stoirm ghàbhaidh a bh’ ann an Eilean Thiridhe, a chuireadh d’ ar n-ionnsuidh le seana Charaid. Ged nach d-thug e dhuinn ainm, cha ’n ’eil sinn an teagamh cò e. ’Sceart a thubhairt é. [TD 173] ’Stric a bha sinn, fhir mo chridhe, Gun phìob gun fhiodhull a’ dannsa. Tha sinn gu mòr na chomain. ’S cinnteach sinn nach ’eil neach a leugh an stoirm leis nach bu mhiann am barrachd éisdeachd uaithe na chainnt shnasmhoir fein. ’S ann aige fein a tha ’n làmh air an stiùir ann an là na stoirme; agus cha ’n fhiosrach mi cò an achlais leis am b’fhearr le chàirdean i bhi. Cuiridh mi nis fa chomhair mo leughadairean an Còmhradh a bha eadar mo Charaid Tirisdneach agus Eachann Gorm, a’ pilleadh o’n chladach. Bhithinn gu mòr na chomain nan cuireadh e fein agus Eachann Gorm a Bhìorluinn ùr bhòidheach aige fo sgaoil, agus gu’n d’thugadh iad sgrìob mu dheas no gu tuath, agus gu’n d’thugadh iad dhòmhsa Còmhradh Cuain, a chionn gu bheil na Gàedheil a’ fàs sgìth de Chòmhradh nan Cnochd. T. M‘L. COMHRADH A CHLADAICH. Eadar M——— agus Eachann Gorm. ’Se so dara earrann dhe’n sgeula m’an stoirm a thug sinn seachad san Teachdaire mu dheireadh. M. Bha mi pilleadh dhachaidh anns a chruth inntinn a dh’fheuch mi chur ’an céill san àireamh fa dheireadh d’ar Teachdaire taitneach, mu dhorcha nan trà; ’nuair thachair duine còir àraidh orm air an rathad, air an robh mi gle eòlach. ’Se b’ ainm dha Eachann; ach thug cuid d’a choimhearsnaich, leis am bu toil beagan fealadhà, agus fanoid ghòrach, co-ainm dha maille ris so; agus ’s e theirte ris am bitheantas feadh na sgìreachd “Eachann Gorm.” An déigh dhomh fhoighneachd cia mar bha e, agus ciod a naidheachd, thòisich sinn ri seanachas air a mhodh so. Each. Ma ta, cha’n’eil agam fhein is fiach aithris: is coltach gu’n cuala sibh cheana an naigheachd a tha air falbh. Ciod sin? a deir mise. Tha gu’n d’thainig Soitheach gu tìr an raoir no moch sa mhaduinn an diugh, air cladach a leithid so de bhaile; agus cha’n-eil mòran iongantais orm dheth; bu shearbh salach an oidhche bh’aca r’a chothachadh. M. Cha chuala mi guth dheth gus a nis, agus is leòir a luaithead: ach an do thuig thu ciod an Soitheach a th’ ann, no ’n do thearnadh na daoin’ a bhuineadh dhi? Each. Cha’n fhiosrach mi a’ bheil iad uile sàbhailte; ach chuala mi gu’n d’thainig daoine beo aiste gu tìr: cha d’rinn an sgeul ach ruigheachd o cheann tachdain, ach tha e fior gu leoir; agus tha muinntir nam bailtean a’ togail a mach ’nan deannaibh dearga, mar gu’n cluinneadh iad gun robh sgaoth de na Muca Mara air teachd air an tràigh ud thall. ’Si mo bharail nam biodh iad co togarrach air teachd do’n Eaglais air là na sàbaid, gu’m biodh am ministeir ni bu riaraichte le mòran diubh. M. Agus tha mi ’creidsinn gu maith gu’m biodh iad co riaraichte leo fein air a cheann mu dheireadh. Ach ciod a thainig riut fein Eachainn, nach do lean thu a chuid eile do’n chuideachd? ’S ann a tha thu, a rèir coslais, an déigh do chùl a thoirt riu, agus air do shlighe dhachaidh. Each. Bha mi uair de m’ shaoghal nach bithinn fad air deireadh; ach tha mi nis air fàs [TD 174] sean rag, is cha mhòr cosnaidh a dheanainn ’nam measg, cha chùram leam nach bi gu leòir ann, ged nach ’eil mis’ ann: ma tha maith ri fhaotainn timchioll orra, dh’fheudta gu’m beir mise fhathast air na dh’fhòghnas domh. M. ’S cùis eagail gu’m bi beagan do’n olc m’a thimchioll sa cheud dol a mach, agus gu’m bi iomadh aon ann a dhi-chuimhnicheas iad fein agus an dleasdanas; oir tha mòran dhaoine a tha réir coltais a’ meas gur cobhartach laghail gach ni a thilgear gu tìr air cladach, ma gheibh iad greim a dheanamh air. Ciod do bharail fein Eachainn? Each. Cha’n fhear lagha mi, is cha’n ’eil mòran barail agam ri thoirt anns a chùis; ach shaoilinn gu’m b’fhearr do dhaoine bochda ni sam bith a gheibhte air a chladach a chur gu feum, na leigeadh leis falbh leis a mhuir-làn, no dol fo’n ghainmhich. Agus ged dh’fhàgainse uam e, an deanadh sin a chùìs ni b’fhearr? Nach eil an t-ath dhuine tha teachd ga sguabadh leis? Cha’n i cheist cò a dh’fhàgas, ach cò is mò a chruinnicheas? “Na h-uile fear a’ toirt scairbh â craig dha fein.” Mar thuirt an duine còir a bha toirt a mach nan eun as an stalla. M. C’arson nach do labhair thu mach a chuid eile dheth? “Na h-uile fear air ceann ròpa dha fein.” Ged is ann mar sin a thachradh air deireadh na cùise, ’s ged bhiodh cuid diubh air ceann ròpa, cha ’n ’eil mi ’g ràdh nach glan a thoilleadh iad e. Bhiodh e iomchuidh, gun teagamh, cùram a ghabhail do nithe a teachd air a mhodh so, cha’n ann idir le’n cur chum ar feum fein, ach le’n gleidheadh gu h-ionraic air son na muinntir d’am buin iad, no is fearr còir orra. Agus ’s bochd an leithsgeul a ràdh, mar tog mise sud no so togaidh fear eil’ e. Ma tha gniomh peacach ann fein, cha dean eisimpleir sam bith a chaoidh beusach e; tha fios againn cò tha cur mar fhiachaibh oirnn gun am mòr-shluagh a leantuinn chum uilc. Each. M’as cuimhneach libh an geàmhradh a thainig an Long mhòr Spainteach, a bha ’n impis cinn dhaoine chur nam breislich le Mòid ’s le Cùirtean, ’s le ceasnachadh, bha san iomradh gur iomad gàd môr iaruinn a chuireadh gu sàmhach air cùl nam bacanna; ach ’s beag a b’fheaird mise sin; cha robh mi co glic ’s gun do ghleidh mi dhomh fein deth na chuireadh greim air a choltar, no idir na dheanadh an crògan feamuinn, m’ar d’fhuair mi e a rìs air son mo chodach fein. Agus a bhliadhna thainig an Soitheach air an robh an t-ìm Eirionnach, bha san ainm gu’n robh cuid de na coimhearsnaich a chuir seachad an t-earrach gle ròìceil air a tàillibh: is beag fios a th’ agamsa cia mar bha sin, ’s cha’n e mo ghnothach e; ach tha fios agam gur beag sult a chuir e air mo chnàmhansa. Ged a bhithinn gus mo thachdadh, na liabagan agus na cudainnean tioram a’ cur snuim air m’ amhaich, cha d’thainig riamh fo’m fhiacail dheth na bheireadh cobhair dhomh, no chuidicheadh iad sìos. M. ’S duilich leam gu deimhinn an gàbhadh anns an robh thu; b’fhortanach dhuibhse nach robh an t-uisge cho gann ris an ìm; agus o’n thainig thu roimhe cho maith dh’fhaoidte nach ruig thu leas mòran aithreachais a bhi ort. Ach gun tuille fanoid ’s éiginn aideachadh, Eachainn, gur h-iomadh droch thoradh tha cinntinn o’n chleachdadh ghràineil-se: [TD 175] ’Smòr am masladh agus am mì-chliu tha e tarruing air gach àit’ anns am bheil e dol air aghaidh; agus se chuid a’s miosa gum feud a mhuinntir a tha neo-chiontach, agus aig am bheil lamhan glana, a bhi air uaireadh fo throm amharus, agus fulang ’na ’m bìuthas maille ris a chiontach. Tha e gu soilleir agus gu dalma bristeadh laghannan Dhe; tha e dùsgadh suas iomadh togradh truaillidh; agus a ’buaireadh dhaoine gu bhi eu-corach, bradach, agus cruaidh-chridheach. O! nach cruaidhe na clachan a chladaich cridhe no muinntir sin a dheanadh fòirneart air coigrich thruagha a thilg ainneart sìde air tìr ga ’n aindeoin, ’s a bheireadh uatha am beagan a chaomhain an doinionn; nach co mòr tha do thlus anns na creagan ’s na tonnan féin ’s a th’ anns na daoine sin? Agus nach muladach ri smuainteachadh gum faighear anns gach àite, ’seadh ann an dùthchannaibh far am bheil an creidimh Criosduidh ga aideachadh, dream a tha deanamh mar so ’nuair nach ’eil ùghdarras teann os an cionn, gus an cumail fo smachd. Each. Cha’n ’eil dùil agam fhéin nach ’eil sibh air an aon leasan ris na ministeirean; ’s fhurasda dhoibh-san a bhi labhairt; ’se sin an gnothuch; ach dh’fhaodadh iad leigeil le daoine bochd eile bhi beò: Cha’n fhuiling cuid diubh ceòl, no dannsa, no cridhealas; (ach cia sam bith mar theid do’n dannsa, ’s aithne dhuinn feaghain diubh féin a sheasas air son a chiùil.) Cha b’àill le cuid diubh gun òlamaid boinne air tòrradh, mar dheanadh na daoine còire bho’n d’thainig sinn; agus ged nach deanainn ach sean ablach do bhriogais chainbheis le màsan tearra a thogail as an fheamainn, cha’n ’eil mòran teagamh agam nach diùltadh iad baisteadh dhomh na ’m biodh e dhìth orm; cha’n e sin amhàin ach gum faighinn mo nàrachadh ’s mo chur air chùl eaglais. M. Ubh! ubh! Eachainn, cha ’n fheud e bith nach robh thu féin agus na ministeirean troimhe chéile uaireiginn—Eagal orm gun do loisg càl teth roimhe thu; ach ’s còir a thoirt fainear gu ’m bheil iadsan dh’fhaoidte meas mar an dleasdan-nas mi-riaghailt agus droch-bheart a chronachadh am measg an t-sluaigh; agus cha’n fheudar ’àicheadh nach ’eil tuille ’s a chòir do chionfàth aca gu bhi labhairt. Mar caisgte droch-bheart cha’n eil fios c’àit’ an stadadh i: ’s ann uidh ar n-uidh tha daoine teachd air an aghaidh ann an aingidheachd, amhluidh mar ann am maitheas; cha d’ ràinig duine riamh mullach na h-aingidheachd air a cheud leum. Mar biodh an cleachdadh maslach air a bheil sinn a’ labhairt air a philleadh cha bhiodh mòran iongantais ged thairgeadh luchd fòirneirt agus spùillidh mu dheireadh na h-ànraich bhochd a ghrad spadadh, chum an cuid a ghlacadh, mar tha cunntas againn thatar a deanamh an cuid de chèarnaibh an t-saoghail. Tha mi ’g ràdh riut ged bhiodh an long sin air a luchdachadh le h-òr, gum b’ fhearr do luchd-àiteachaidh na tìre so i féin agus a luchd a bhi ann an doimhneachd na fairge, no an t-òr sin a bhi air a dhòrtadh dearg leaghta ’na ’n dearnaibh, na gum buineadh iad ris gu h-eucorach. ’Sann agam nach ’eil am farmad ri aon ni dh’fheudas duine chur cruinn leis na meadhonan-sa: Cha chreid mi gun d’ thig e ’no gur h-urrainn e teachd gu crìch [TD 176] mhaith. Cha ’n urrainn beannachadh Dhe bhi ’na chuideachd. Ann an so ’s fìor an sean-fhocal, “An rud a thig leis a ghaoith gum falbh e leis an uisge.” Each. Cha’n eil mi ’g ràdh nach feud cuid de ’n fhìrinn a bhi agaibh, ged tha i searbh: feudaidh i féin agus a cuid òir a bhi tèaruinte gu leòir air mo shon-sa; cha robh an t-anabharra gràidh agam riamh dhà; agus bu chomain dhomh sin—cha robh mòran gràidh aige dhomh, ’s cha mhòr dheth riamh a loisg mo lamhan no lean riu teth no fuar. Cha rachainn an urras orm féin gu dearbh uair ga’n robh mi, na ’m faicinn togsaid Rum no Bhranndai a leigeadh roimhpe air an tràigh nach bithinn ’na bad mar fhear eile. Bu chianail an sealladh leam an stuth prìseil fhaicinn a’ dol gu talamh: ’S ged nach d’ thugainn a mach ach làn an stoip-shiola, an abair sibh rium nach b’fhearr dhomh mo chridhe fhéin a bhlàiteachadh leis na’n tràigh ’ga shlugadh suas? M. Cha’n eil thu ach ri feala-dhà nis, ach creid thusa mise, cha ’n urrainn soirbheachadh bhi ’n cois an ni sin nach fhaighear le h-onoir agus ionracas; luath na mall chìtear so, agus ’s iomad dearbhadh tha sinn a’ faighinn air mu choinneamh ar sùl gach latha tha sinn aig éiridh. Each.—Dh’fhaoidte gun cuala sibh iomradh air bodach beag prab-shuileach bha chòmhnuidh ann an àite nach’eil ceud mile dh’ astar o chuid de’n sgìreachd so; (cha’n’eil fios agam nach b’aithne dhiubh fein e) ach dh’aithriseadh air, gun d’fhuair e ulaidh air a chladach, tha cinnte gun robh beartas aige; cia sam bith mar bha so, shoirbhich an saoghal gu maith ’na lamhan, chuidhtich e mu dheireadh a chuid’fearainn, ’s tha mi cluinntinn gu bheil e nis mar gum biodh tighearna beag stràiceil an am Baile-mòr. M.—Air t’athais, air t’athais, Eachainn! mar their a chlann, cha ’n ’eil am bonnach beag bruich fhathasd: ma rinn an duine sin, cia sam bith e, no aon duine eile, suas stòras air mhodh mi-onarach, ’s beag mo chùram nach fhaigh e bealach ’s nach gabh e sgiathan uaireiginn. Ach ’s iomchuidh dhuinn breith na seirc a thoirt air na h-uile, am fad ’s a dh’fheudar a dhéanamh. Se’s dòcha leamsa gur e cuid d’a choimhearsnaich a bha amaideach, stròghail iad féin, aig an robh farmad ris a bhodach chòir, agus a thog an sgeul sin air. Dh’fhaoidte gun robh an duine fo uachdaran iochdmhor aig an robh bàigh r’a dhaoine, agus leis am b’àill cothrom maith a bhi aca; dh’fhaoidte gun robh e fèin dèanadach, glic, gléidhteach, gun anacaitheamh gun anameasarrachd fuaighte ris. Cha’n’eil mi idir ag ràdh ’s cha mhò chuala mi bhi cur as do leth gur fior phòitear thu féin Eachainn, ged nach diùltadh tu do shùìl a fhliuchadh an tràs ’sa rithist mar na coimhearsnaich: innis so dhomh; na’m biodh na chuir thu riamh anns an dram, na dh’òl thu féin agus na thug thu seachad do dhaoin’ eile ri òl gu neo-fheumail, air a chùinneadh no air a thionndadh gu airgiod, agus air a chàramh ’na aon tòrr air bòrd mu d’choinneamh, a bheil thu smuainteacbadh nach bu tlachdmhor an sealladh e? ’n saoil thu nach rachadh e teann air tigh maith a cheannach. Each.—Matà ’s duilich dhòmhsa nach’e’il do sgoileireachd ni’s urrainn a’cheist sin fhuasgladh; ach ’s barail domh ged is nàrach an aidmheil, gum biodh tòrr foghainteach ann, barrachd [TD 177] mòr ’s a chì mise cruinn agam fhéin air mo shùilean fhad ’s a’s béo mi Dh’ fhalbh sin leis an uisge ’s cha’n’eil mòran maith a nis a bhi ga chreatruich. M.—Ciod am fios nach e sin an ceart ulaidh a fhuair am bodach air an d’thug thu ionnsuidh, agus ma’s e cò’n duine ’na mhothachadh a gheibheadh coire dha. Each.—Mata bha romham taoghall aig a mhinisteir ’san dol seachad’ a dh’ innse dha mu’n t-soitheach a thainig air tìr, ach tha’n oidhche fàs dorcha, ’s tha astar maith agam ri dol dachaidh; dh’fhaoidte gum faigh sibh fein fios a leigeadh ’ga ionnsuidh o nach’eil e fada uaibh. M.—Ro mhaith, Eachainn! am bu mhiannach leat aon do na togsaidean no do na brigsean Cainbheis air an robh thu labhairt a chur ’na rathad? Each.—Ma tha briogais no casag a dhì air, tha e féin beartach gu leòir gus an ceannach: cha’n ionann a’s mise. Ach ged is àill leibhse gu maith mi, cha ruig sibh a leas mo thogail gus an tuit mi: cha’n e sin a bha’m bheachd. Dh’ fheudadh e gnothach a b’fhearr a bhi aig’ ann. M.—Ro mhaith a rithist Eachainn. Tha mi faicinn gun seas thu féin suas air son nam ministeirean an dara h-uair. Dh’ fhaoidte gum faigh mis’ an uiread sin a dheanamh air do shon agus fios a leigeadh ’ga ionnsuidh. Each.—Bidh mi nise mata a fàgail mo bheannachd agaibh, agus tha mi na’r comaine air son na thug sibh dhomh d’ar seanachas. Agus ged tha mise labhairt mar rinn mi, cha ruig sibh a leas air barail a bhi ni’s mios’ orm. Tha fios aig na h-uile duine d’an aithne mise, gum bi mòran do bhàirisg chainnte agus do bharra-ghlòir a ruith air mo theangaidh. Cha’ n’eil fios agam ciù rugadh an fhàillinn so leam, no dh’òl mi e le bainne cìoch mo mhàthar; ach ’s eagal leam nach cuidhtich e mi gus an d’theid mi fo thalamh: ’S duilich an car a theid ’san t-seana-mhaide thoirt as. Ach ged tha sin a muigh, tha dòchas agam nach’eil e stigh; ged tha gòraiche ’san teangaidh tha ni’n dòchas nach’eil mòran lochd no droch-bheart ’s a chridhe: ’Se “Eachann gorm” a their iad rium, agus nach i bheurla air son sin “True Blue?” Agus a dh’aindeoin na thubhairt mi a nochd, ’s luaithe gu mòr a dhùraiginn fasgadh mo thighe agus blàths mo ghealbhain do choigrich bhochda ann an cruaidh-chas, na shìninn a mach làmh eucorach gus ni sam bith a bhuineadh dhoibh a ghlacadh le foill no le fòirneart. M.—Cho-dhùin thu e mar bu chòir dhuit, Eachainn. ’Se sin dleasnas nan uile Chriosduidhean. “Coimhead do neo-chiontachd, ars’ an Salmadair, agus thoir an aire do ni tha ceart; oir ’se sin a bheir sìth dh’ ionnsuidh duine air a cheann mu dheireadh. N. M‘L. Innis-nan-tonn, 1830. MU’N CHRUINNE. VI. B’éugsamhail na barailean a bha aig na Gliocairean o shean, agus is éugsamhail beachd Gliocairean na h-aimsreach a tha làthair, air mathair-aobhair thobraichean agus ainmhnichean; ach tha a chùis air a tuigsinn gu math a nise. Tha deagh fhios a nise, gu bheil [TD 178] teas na gréine a tarruing ceòraich mhòr do fhliche as an fhairge;—gu bheil na gaoithean a’ giùlan na ceòraich so mu’n cuairt timchioll an t-saoghail;—gu bheil am fuachd ag iompachadh na smùidrich cheò so gu h-uisge, agus gu driùchd, agus gu bheil iad sin a’ tuiteam ’nam braoin air an talamh. Tha cuid de ’n uisge so a’ sruthadh sios gu ionadan gleannach an t-saoghail, agus a’ fàs ’na alltain; tha cuid eile dheth a’ taiseachadh an fhuinn chum toradh agus fàs a chur ann, agus tha cuid deth a’ dol fodha do shluic fhàs a ta ann am broinn an talmhainn:—an uair a bhios iad so làn, tha iad a’ brùchdadh amach ’nan tobraichean a taobh nan cnoc: agus, air do shruthain nan tobraichean so ruith sios do na gleannain, tha iad a’ coinneachadh nan alltan agus gam mèudachadh; agus an uair a theid na h-urad diubh sin an ceann a chéile, tha an comar a’ deanamh suas aimhne. Tha cuid eil’ ann a tha smaoineachadh, gu bheil féithean no feadain de ghainmhich mhìn ag imeachd an sud ’san so, as an fhairge, air feadh an fhearainn, agus gu bheil an sàile a’ drùiseadh trompa sin, agus, air do ’n t-salann a bhi air a shìoladh as, leis a ghainmhich, gu bheil an t-uisge a’ brùchdadh amach ’na thobraichean aig crioch nam feadan, no far am bheil bristeadh sam bith a tighinn orra. Chaidh a dhearbhadh, ioma uair, le deuchainean neo-mhearachdach, agus le mion-chùnntas, gu bheil a ghrian a’ tarruing as a chuan urad de cheòraich ’s a’s leòr gus na tha tuiteam de dh-uisge-spéur a dheanamh suas. Chaidh a mheas gu’n tog a ghrian, air latha sàmhraidh, as an amhainn a ta ruith seachad air Lundainn, còrr agus fichead muillein tunna de dh-uisge ’na cheòraich; agus, ma dh-éireas an urad so a sruthan beag, caol, tana, nach do-àireamh na dh-fheudas éiridh as a chuan mhòr, fharsuing gun chrich, air an dòigh cheudna! A réir beachd cuid de gliocairean, tha saillteachd na mara ag eiridh o’n aobhar so a leanas. Tha còrr agus sèa ceud amhainn mhòr a’ ruith, troimh ghleanntan agus feadh chòmhnardan an t-saoghail, chum na mata. Tha gach aon diubh sin ’nan siubhal troimh chaochladh fuinn, a’ sruladh leotha dòrlaichean mòra de smodanan miotailte agus salainn, agus air do’n uisge na smodain shalainn sin a leaghadh gu farasda, tha e ’gan giùlan do’n fhairge, agus mar sin ’ga deanamhd saillte. A réir beachd muinntir eile, tha mòran de sgeirean salainn ann an iochdar na mara, agus tha iad sin a’ sir-leaghadh ’s ’ga fàgail saillte. Tha feadhainn eil’ ann a tha ’m barail gu’n deachaidh an fhairg’ a chruthachadh saillte, air sgàth i dh-fhuireach o lobhadh, no o ghrodadh: ach feudar gu math a smaoineachadh gu bheil i air a cumail o lobhadh, ann an tomhas cho mòr, le luasgadh na gaoithe, agus le lìonadh agus tràghadh an t-siuil-mhara, ’sa ta i leis an t-salann a tha innte; chionn ma theid sáile a ghleidheadh ann am baraille, no ann an saothach air bith eile, lobhaidh e ann am beagan làithean. Is airidh e a thoirt fainear, nach eil na lochan sin saillte, as am bheil aimhnicheana ruith, no troimh am bheil iad a siubhal ’nan slighe; ach, air an làimh eile, na lochain [TD 179] sin do ’m bheil aimhnichean a ruith a stigh, agus as nach eil aimhnichean a ruith amach, gu bheil iad, mar is trice, saillte. ’Nuair a bhristear, no a luaisgear an sàile chithear soillsein bòidheach, geal, air ’fheadh, ris an abrar sionnchan, no teine-sionnchain.* Chithear an soillsein so feadh na mara anns gach uile chearna de’n chruinne, agus aig uile àm de’n bhliadhna. Tha cuid de nàduraich† ag ràdh, gur h-e seòrsa de dhealan a ta ’s an t-sionnchan so; cuid eile, ’gur biastagan beaga siùbhlach a tha ris; agus tha cuid ag ràdh, gur h-e brìgh, no sùgh ainmhidhean, a’ lobhadh gu h-athaiseach, a ta ’cur mach an t-soillsein so. Gur h-e an ni so ma dheireadh a’s fìor cheann-fàth do’n teine-shionnchain, tha e a nis air a làn chòmhdach le dearbhainnean diongalta, agus le deùchainnean eugarra. An uair a bhios àile nan spéur gu ciùin aig fois, agus fiath sèamh air aodunn soilleir a chuain, chithear, air uisgeachan na fairge, gluasad tonnach, atmhor, ris an abrar lunn. ’Se lionadh, agus tràghadh an làin a’s aobhar dha so. Ach, an uair a shéideas a ghaoth, tha lunn, no tonnan a chuain, air am méudachadh gu mòr; agus tha meudachd nan tonn ann an co-choimeas ri neart na gaoithe. Chaidh a dhearbhadh, aig ioma àm, le deuchainnean nan gliocairean nàdurail, nach diong a ghaoth as làidire ’shéideas, na’s mò na sèa traidhean astigh air an fhairge; ’se sin, nach dean a ghaoth a’s treise ’shéideas clais no gleann ann an aodunn an uisge, a’s doimhne na sèa traidhean. Uime sin, cha’n’eil tonn nàdurra‡ ag éiridh, aig àm sam sith, na’s àirde na sèa traidhean os ceann còmhnard na mara. Ach, an uair a chuireas sinn doimhnead a ghlinne a rinn neart na gaoithe ’san fhairge, ri àirdead an tuinn, toimhisidh e gu h-iomlan, o ’bhun gu bhrâidhe, dà thraidh dhéug. Ma dh’éireas tonnan na fairge os ceann na h-àirdead so, theirear an sin tonnan teagmhuiseach§ riutha, do bhrìgh ’s gur h-e ath-bhuille na gaoithe, ’nuair bhuaileas i cnoic no còrsachan àrda, a tha ’gan gintinn; air neo, ais-lunnadh nan tonn air a chéile o oirthirean fiadhaich, no air droch thanalaichean. Le co-oibreachadh nan aobhar so, fàsaidh na bòchd-thuinn sin ’nan ceòsanaich uamhasach; agus mar is fhaide a leanas iad air iomluasgadh feadh a cheile, is ann is mô a dh’atas iad, gus mu dheireadh am fàs a mhuir cheann-ghlas ’na cnuic, ’us ’na beanntan sàile. A. B. R. EACHDRAIDH NA H-ALBA. AN DARA EARRANN. Mu’n choimhcheangal Shòlaimte, agus an naomh chùmhnant. Leig sinn ris ’san àireamh mu dheireadh an dòigh air an d’fheuch Righ Tearlach an creidimh Easpuigeach a thoirt a stigh a dh’ Albainn a dh’ aindeoin cò b’urrainn a ràdh gum b’olc; agus chunnaic sinn mar a dh’éirich an * Their cuid de mhuinntir teine-fionnchain. † ’Siad nàduraich, no gliocairean naduràil, daoine fòghluimte a bhis a beachdachadh air oibrean nàdarra a chruthachaidh, agus a lorgachadh ’s a rannsachadh an gne, an cruth, an suidheachadh, ’sa leithid sin. ‡ Tonn a thogas neart nàdurra na gaoithe. § Tonn a dh-éireas le tuiteamas a bhàrr air neart nàdurra na gaoithe. [TD 180] dùthaich suas ’na ’aghaidh, a’ cur romhpa seasamh airson Eaglais na h-Alba cia air bith cruadal no geur-leanmhuinn a dh’fhuilingeadh iad ’na ’lorg. Chuir maithean àrd na Rìoghachd a suas asluchadh dùrachdach a dh’ionnsuidh an Righ, a guidhe nach buanaicheadh e anns na nithe a bha e dèanamh, agus nach éignicheadh e iad gu éiridh a suas ann an ceannairc ’na aghaidh; agus a leigeil fios da ann an cainnt nach b’urradh dha gun a thuigsinn; nach géilleadh iad dha anns a chùis so am feadh’s bu bheò iad. Gu truagh cha ghéilleadh an Righ, agus an àite fios-freagairt càirdeil a chur d’ an ionnsuidh ’sann a labhair e riù gu feargach, uaibhreach, a’ maoidheadh gun d’thugadh e sgrios air an dùthaîch mur géilleadh iad, agus a ’g innse gun sparradh e ’n leabhar ùrnuigh Easbuigeach orra a dheòin no dh’ aindeoin. Dh’ àithn an Righ a thoil anns a chùis so a leigeil ris do mhuinntir Alba le gairm fhollaisich a dheanadh dheth aig crois Dhunéideann. Bha ’n latha chum so a dhèanamh air a shuidheachadh, ach ’nuair a thàinig e cha robh do mhisnich aig uachdarain a bhaile-mhòir sin toil an Righ a chur an céill. Bha ’m baile làn do thighearnan na tìre, le ’n daoine fo airm, agus chuir iad rompha nach ceadaicheadh iad ’a ’ghairm a dhèanamh a bha cur as do chreidimh stéidhichte na dùthcha, agus a toirt a stigh creidimh Shasuinn na ’àite. Nuair chunnaic càirdean an Righ so thug iad Sruidhleadh orra, ach fhuair luchd seasamh a chreidimh fios air, agus shìn iad as do Shruidhleadh air an déigh. Bha’m baile-mòr sin làn do mhuinntir na dùthcha a chruinnich chum seasamh le creidimh an athraichean. Cha robh duine mar astar dà fhichead mìle do Shruidhleadh nach do chruinnich, agus ’nuair a dh’fhàg luchd ùghdarrais an Righ am baile sin air an là-màireach gu dol do Dhunéideann, lean an sluagh so iad: mìltean de dhaoine, ni bu choltaiche ri feachd airm na ri daoine bha guidhe air son comain. Cha robh duine fiachail ’san tìr nach d’thug Dunéideann air air an àm so, còrr aon airson an Righ, ach a chuid gu mòr bu lìonmhoire airson na muinntir a bha cur ’na aghaidh. ’Sann air an àm so a smuaintich iadsan a bha dìleas do chreidimh suidhichte na R oghachd air a Choimh-cheangal Shòlaimte agus an naomh chùmhnant a tharruing a mach, agus an lâmh a chur ris mar bhann naomh, agus mar bhòid nach tréigeadh iad a chùis a bha ’na ’m beachd, ach gun seasadh iad dìleas gu bàs. Cha b’e so a cheud àm anns an d’fheuch muinntir Alba an doigh so; agus anns an d’ fhiosraich iad ’fheum. Chleachd iad an dòigh cheudna ’nuair bha iad a tilgeadh dhiùbh cuing Eaglais na Ròimhe, agus a cur a chatha an aghaidh nam pàpanach. Chum an coimh-cheangal naomh iad daingeann ra chéile ’san âm sin agus dh’fheuch iad a nis an ni ceudna ’nuair bha Eaglais Easpuigeach shasuinn a bagradh saltairt orra. Air latha na sàbaid, toiseach na bliadhna 1638, dh’innis ministeirean Dhunéideann as a’ chrannaig, gun robh leithid so do bhainn ri chur ’na ’n tairgse; agus bhrosnaich iad gach neach aig an robh spéis do chreidimh agus d’ a dhùthaich, a làmh a chur ris—shocraicheadh latha agus uair ann an cladh no’n cill fharsuing dlùth do’n Eaglais-ghlais an Dunéideann, far an d’ iarradh air gach neach a bha toileach air an làmh a chur ris a bhainn so bhi lâthair. [TD 181] Cha luaithe thainig an latha na thòisich an sluagh ri cruinneachadh, na ceudan agus na mìltean mar shruth mòr a’ gabhail an rathaid a dh’ionnsuidh na h-eaglais. Air dà uair an déigh mheadhon latha bha’n cladh, ge mòr e, làn. Shuidhicheadh a’ choinneamh le ùrnuigh a chuireadh a suas leis an diadhair urramaichte Mr Henderson, aon do mhinisteirean Dhunéideann. Sheas Morfhear Loudon na dhéigh sin air lichd-lithe oscionn chàich, agus le cainnt chumhachdach bhrìogh’or, chuir e an céill doibh am fòirneart a bha ’n Righ a’ feuchainn a dheanamh orra, agus ghairm e orra iad a sheasamh air son a chreidimh sin a bha air a stéidheachadh ’san dùthaich—iad a bhi mar aon duine, guala ri guala ’s nach b’ eagal nach buannaicheadh iad ’s a chûis. B’e cheud duine chuir a làmh ris an t-Iarla Sutharlanach; thog na mìltean an iolach àrd—cha robh biorraid na boineid air ceann: air leachdan nam marbh chàireadh am meambran no ’n craicionn-sgrìobhaidh air an robh an cùmhnant air a tharruing a mach, agus tha e air a ràdh nach fhacas sealladh riamh bu shòlaimte na ’n coimhthional mòr so le’n cinn rùisgte, làmh agus sùil gach aon diubh ri néamh, a’ bòideachadh gum biodh iad dìleas d’a chéile, agus le neart an Tighearna nach d’thugadh bagradh no bàs orra dealachdainn ri’n creidimh. Air an là-màireach bha muinntir Dhunéideann agus na dùthcha mu’n cuairt a’ cur an làmh ris a’ bhainn naoimh, iad féin, am mnathan agus an clann, àrd agus ìosal, bochd agus beartach; sgriobh moran diubh an ainmeannan le’m fuil féin a thug iad as an cuislibh. Mar a bha’n coimhcheangal naomh so air a ghiùlan o àite gu àite, lean na mìltean e le gul, le sailm, le ùrnuighean agus deuraibh. Bu chùmhnant so eadar sluagh dùthcha agus an Dia a rinn iad, agus ’s dòcha nach faca agus nach faic Albainn gu bràth còmhdhail cosmhuil ris a chòmhdhail ainmeil so. Chaill càirdean an Righ am misneach—dhùisg corruich an Righ; dh’amhairc e air Albainn mar rìoghachd ann an ceannairc ’na aghaidh, agus chuir e roimhe lamh-an-uachdar fhaotainn orra, agus an tarruing gu géilleachdainn gu b’oil leò. ’Se an t-ath ni a rinn na Cùmhnantaich, airgiod a chruinneachadh air feadh na tìre, chum comas a thoirt dhoibh air seasamh gu daingeann r’a chéile, agus dol fo airm as leth an creidimh, mum buadhaicheadh an Righ agus a luchd-comhairle anns a chreidimh Easpuigeach a sparradh orra. Chuireadh dùblachadh de’n chùmhnanta naomh do gach ceàrn a dh’ Alba, agus do gach sgìreachd, chum comas a thoirt do gach aon a bha deònach, an làmh a chur ris. Cha robh ministeir, no Iarla, no mòrfhear, no tighearna, no uachdaran a bha air son Eaglais na h-Alba, aig nach robh dùblachadh de’n Chùmhnant air a shiubhal, chum gach cothrom a ghabhail air ainmeannan ùra fhaotainn anns gach âite ’n rachadh e. Mar so chuir a chuid mhòr de’n Rìoghachd an làmh ris, agus bu choimhcheangal na Rìoghachd a bh’ ann. A dh’aindeoin air a so uile, cha do tharruing Righ Tearlach air ais. Bha e co uaibhreach, àrd-inntinneach ’s nach dùraigeadh e géilleachdainn. Bha a bhan-righ na bana-phàpanaich; bha ise ’ga bhrosnuchadh gu lâidir. Bha Easbuigean Sasunnach ann an [TD 182] lìonmhorachd m’un cuairt da ’ga mhealladh. Chuir e roimhe uime sin arm a chur a nuas do dh’Albainn, agus a thoirt air na Cùmhnantaich striochdadh le lamhachas-làidir. Thuig na Cùmhnantaich mar a bha chùis, agus thòisich iadsa nair uidheamachadh a dheanamh mar an ceudna. B’e Iarla Hamilton, flath òg agus eireachdail, agus ann an dlùth cháirdeas do’n Righ, an t-aon a roighnich Righ Tearlach a chur a nuas á Sasunn a shocrachadh gach gnothuich. Thainig e gu tìr air cladach Lìte, agus chaidh na Cùmhnantaich ’na chòmhdhail. Bha uachdarain agus uaislean na dùthcha a’ marcachd, agus an sluagh a’coiseachd ’na’n déigh. Bha trì fichead mìle fear an òrdugh air a chòmhdhail so, air an tarruing suas co riaghailteach ’s ged a b’arm seasmhach na Rioghachd a bh’annta. Ann an aon bhuidheann, taobh ri taobh bha seachd ceud ministeir, ceud dhiubh so á ceann mu thuath Eirinn. Chuir an sealladh so iongantas air Iarla Hamilton, “B’fhearr leam, deir esan gun robh Righ Tearlach e féin an so an diugh.” Ghuil e gu goirt, agus cha d’fheuch e a dheòir a chleith; oir chunnaic e gun robh an Righ air a mhealladh, agus nach robh an dùthaich so a bha mar aon duine, r’a cur fodha no ri bhi air a saltairt fo chosan le oidhirpean an Righ agus a chùirteirean cealgach. Thuig e nach strìochdadh iad, ’s nach robh feum ’fheuchainn. Phill e air an aobhar sin air ais do Lunnuinn. Sheas baile Aberaidhean a mach an aghaidh nan Cùmhnantach, agus mòr-fhear Huntly a bha’na phàpanach dìorrasach. Cha robh aig Righ Tearlach a nis ach a dhìchioll a chleachdadh chum Albainn a chur fo smachd; ach dh’oidhirpich e an t-uidheamachadh a bha e deanamh a chleith. Dh’asluich na Cùmhnantaich air Ard Sheanadh Eaglais na h-Alba a ghairm, agus cead a thoirt doibh cruinneachadh chum gnothaichean na h-eaglais a chur fo riaghladh: Fhuair iad an cead sin, ged nach robh ’na bheachd ach an dalladh le samhladh càirdeis. Shuidhicheadh di-ciadain a cheud latha thar fhichead de cheud mhìos a gheamhraidh ’sa bhliadhna 1638 air son cruinneachadh Ard-sheanadh Eaglais na h-Alba: a choinneamh bu chudthromaich’ agus a chòmhdhail a b’ainmeala air an do shuidh an Eaglais cheudna riamh. Feuchaidh sinn ri cunntas a thoirt air an Ard-sheanadh ainmeil so ’s an ath àireamh. Comharraidhean air caochlaidhean na Sìde. Cha’n’eil dùthaich air talamh anns nach faightear a measg a luchd-áiteachaidh, comharraidhean sònruichte leis an tuigear roimh làimh, ann an càileiginn, cuid de na h-atharraichean sin tha teachd air an t-sìd. Tha cuid de bheothaichean ann, aig am bheil mothachadh mòr air caochladh air bith a tha ri teachd air an t-sìd, o theas gu fuachd, no o thuradh gu uisge, no o aimsir chiùin gu stoirm. Tha cuid de lusan a’s luibhean, agus de bhlàithean a thaisbeanas na h-atharraichean tha ri teachd air an t-sìd. Tha comharraidhean àraid ri fhaicinn air aogas nan speur agus ann an coslas nan neul, leis an tuig daoine fiosrach tha cleachdadh suim a ghabhail de na nithe so, ciod an t-atharachadh tha ri teachd. [TD 183] Smuaintich sinn nach biodh e mi-thaitneach no gun fheum d’ar leugeadairean, cuid de na comharraidhean so chur an cèill doibh ’san Teachdaire. Thubhairt sinn gun robh cuid de chreutairean ann aig an robh mothachadh, ged nach eil fios againne ciamar, air na h-atharaichean tha teachd air an t-sìd. Chìtear coin no madaidhean a tha stigh ann an seòmar, a’ cinntinn trom, codalach, neo-thogarrach agus leisg ’nuair tha’n t-uisge dlùth; caidlidh iad ré ’n latha fa chomhair a ghealbhain agus tha e doirbh air uairibh toirt orra éiridh. Tha’n ni ceudna r’a fhaicinn an giùlan nan cat. Tha ’n deala gu h-àraid mothachail air atharraichean na sìde. Tha i co maith chum eòlas thoirt dhuinn air caochlaidhean na sìde ro gloine-shìde. Ma chuirear ann an gloine shoilleir i, as nach faigh i teachd, agus trì cheathramh de ’n ghloine sin làn uisge a dh’ atharraichear uair ’san t-seachduin ré’n t-Samhraidh, agus da uair ’san t-seachduin ré’gheamhraidh, leigidh i fhaicinn iomad caochladh tha teachd air an t-sìd. Ann an aimsir chiùin shamhraidh luidhidh i ’na cuairteig ann an ìochdar na gloine; ma tha ’n t-uisge ri teachd roi’n fheasgar, snàigidh i suas gu uachdar an t-soithich, agus ann an sin fuir’ghidh i gus am bi ’n t-sìd socraichte; nuair tha stoirm no doinionn sìde dlùth, cha teid tàmh oirre ach air a h-ais ’s air a h-aghart, a suas, ’s a sìos; is ainmig leatha socrachadh gus an séid e gu cruaidh; ma tha stoirm mhòr de thàirneanaich agus de dh’uisge dlùth, gabhaidh i tàmh latha no dhà roi’n àm os cionn an uisge, agus tha i a’taisbeanadh co mi-shuaimhneach an-shocrach sa tha i; an àm reothaidh agus sìde shoilleir, luidhidh i air iochdar an t-soithich, agus ri sneachda no uisge togaidh i oirre gu mullach na gloine. ’Nuair chìtear an gaobhlan-gaoithe aig itealaich gu h-ìosal, agus a’ siabadh air ais ’s air aghart’ dlùth do’n làr, agus a’tumadh bàrr a sgéithe ’san uisge, feudar amharc air son uisge. ’Nuair nach ’eil na seilleinean no na beachan a dol a mach mar a b’ àbhaist doibh, ’nuair tha tunnagan a’s geòidh a’ deanamh mòran gànraich a’s gogail is ràcaich, feudaidh sinn mar an ceudna amharc air son uisge. ’Nuair tha sìd fhliuch dlùth ’s bitheanta le tunnagan a’s geòidh a’s eòin eile bhi ni’s togarraiche air son iad fhéin a nigheadh agus a thumadh ann an uisge na air amannan eile; ’s bitheanta le calamain agus le cait iad féin a nigheadh ann am bùrn air bith a gheibh iad ’nuair tha uisge dlùth; ’san fhogharadh tha na cuileagan anabharrach sgaiteach roimh’n uisge. Ma thuiteas dhuinn a bhi mach an déigh sîd thioram ’nuair tha uisge dlùth, feudaidh sinn mothachadh do spréidh a’ sìneadh a mach an amhchannan, agus a’ deoghal na gaoithe le’n cuinneinibh fosgailte, agus gu tric a’ cruinneachadh ann an cùil no ’n oisinn achaidh le’n cùl ris an t-soirbheas. Tha ròcail nan gilleacha-cràigean agus nan losgunn—sgreuchail na peucaige, lìonmhorachd nan damhan-alluidh a’ streap ris na ballachan, na daolan, ’s na durragan a’ teachd a mach as am frògaibh ’na’n comharraidhean gu ’bheil an t-uisge dlùth. Ma mhothaicheas sinn losgainn â’ teachd a mach gu lìonmhor as an tuill; ma chì sinn na famhan [TD 184] a’ tilgeadh barrachd ùrach os an ceann ni’s bitheanta leo; ma chì sinn an ialtag a ’tighinn a stigh, agus ma chluinnear i a’ bìdeil feadh an t-seòmair; ma mhothaicheas sinn na mucan a ruith le cònlaich ’na’m beul; an spréidh aig imlich an casan toisich, agus ma chluinnear na luchaidh ri ùpraid àraid ’na’m fòrgaibh, feudaidh sùil a bhi againn ris an uisge. Tha caoirich a’s gabhair ni’s togarraiche gu ionaltradh agus ni’s duilghe’n toirt uaithe roimh uisge na air amannan eile. Am measg gach comharradh eile, chìtear na seangain ni’s dian shaothairiche a’ giùlan an uibhean; cluinnear an fheannag ’s am fidheach a’ ròcail ni’s àirde roi’n uisge na’s àbhaist doibh. ’S bitheanta leis a’ chomhachaig no a chailleach oidhche bhi gearan ’s a’ glaodhaich ni’s tùirsiche roi’n uisge na àm sam bith eile. ’S abhaist leis an smeoraich òran binn a sheinn gu h-àrd ’s gu fada roi’n uisge agus roi’n stoirm. Tha eòin bheaga dhubha* air a chuan leis an cleachdadh fasgadh a ghabhail fo rotal nan luingeas ’nuair tha stoirm dlùth. Ann an Irt tha seorsa de dh’eòin† a tha ro fheumail ann an rabhadh a thoirt air atharrachadh gaoithe: nuair philleas na h-eòin sin a dh’ionnsuidh na tìre ann an lìonmhorachd, tuigidh muinntir Irt nach bi gaoth ’n iar ann ré ùin ’fhada; agus air an làimh eile nuair a philleas iad chum a chuain, feudar sùil a bhi ri gaoth ’n iar gu grad. Nuair tha faoileagan a chladaich a tighinn ’na’n sgaothaibh lìonmhor gu tìr, agus ri sgreuchail àrd mu na cladaichean, tha so air a chunntas ’na chomharradh air stoirm a bhi dlùth. Tha e mar an ceudna gu tric a’ tachairt gu ’bheil na muca-biorach, na peileagan, na canaichean ’s na puthagan a’ teachd dlùth air tìr, agus air uairibh a ruith air tìr roimh stoirm mhòir. Tha comharraidhean eile mar a thubhairt mi, air an toirt dhuinn le luibhean, lusan, agus blàithean àraid, ach fàgaidh mi iad so gus an ath àireamh. Campsie, T. M‘L. Litir o’n Bhuirdeiseach Bhàn, m’an Dinneir mhòir Ghae’laich a bha’n Glaschu o chionn ghoirid. A dhuin’ uasail urramaich, Fhuair mise mòran litrichean o’n Ghaeldachd, mur fhuair iomad aon a bharrachd orm, ag iarraidh orm cùnntas a chur dhachaidh m’an DINNEIR mhòir Ghae’laich a bha againn o chionn ghoirid ann an Glaschu, chum urram a chuir air an Teachdaire Ghaelach.—Smuaintich mi nam biodh sibhse co maith is cead a thoirt domh fios-freagradh a chur san Teachdaire; gu’m b’e an dòigh a b’fhearr chum fios a thoirt doibh air fad mu’n chùis: agus ged a tha’n litir a leanas ro fhada, tha dòchas agam gun d’thoir sibh àite dhi; oir creidibh mise, tha mòran d’ar luchd-dùthcha ro dhéigheil air cùnntas fhaotainn air còdhail a thug toil-inntinn co mòr do ur càirdean lionmhor; agus ged a bhiodh iad deich uairean ni bu lionmhoire na tha iad, cha bhiodh nam measg gu lèir fear eile is deòthasaiche no ur Seirbhiseach dìleas. AM BUIRDEISEACH BAN. * The stormy petrels. † Procellaria glaciaris. [TD 185] A Ghoistidh Ghaolaich, Fhuair mi do litir—’se b’àill leam a ràdh, fhuair do litir mise anns a cheart àite chuir thu air a cùl;—agus a nis feuchaidh mi a freagairt mar is fearr is urra dhomh. Bha mi da rìreadh aig an dinneir mhòir, air an cuala tu iomradh anns na Paipeiribh naigheachd—agus ged a chosg e dhomh mo thri-tastain-deug agus mo shè sgillean, cha’n’eil mo shùil ’na dhéigh—Feuchaidh mi nis ri cùnntas a thoirt duit m’an Choinneamh so mar is fearr is urrainn domh—ach ’ s éiginn duit mo leithsgeul a ghabhail ge nach dean mi so ach air dòigh ro chearbach. Shuidh sinn sìos dlù do chùig fichead fear, mu chùig uairean an déigh mheadhon là, ann an seòmar a bha air a dheanamh an dara cuid air son na cuideachd, no a’chuideachd, air son an t-seomair; oir cha chumadh e fear eile os ceann na bh’ann. Cha’n fhaca mise cuideachd cosmhuil riu riamh, agus is dòcha nach faic—air son bidhe is dibhe, mar robh pailteas ann, agus eireachdas, cha’n fhiosrach mise ciod ris an abair daoine pailteas na eireachdas. Bha priomh Cheannard ârd Oil-tigh Ghlaschu aig ceann a Bhùird, air ’àrdachadh os ceann chàich, mar Cheann-uidhe na cuirme—Duin’ uasal tlachdmhor eireachdail, co aoidheìl, shuilbhearra, fhiùghantach ’sa chunnaic mi riamh air ceann bùìrd—agus an t-urram dha gu smachd a chumail air cuideachd. Bha Duin’ uasal measail aig deireadh a bhuird, fìor Ghael, mar dh’ innseadh dhòmhsa—agus bha Cinn-stuic eile an sud, ’s an so, m’an cuairt air a bhòrd, daoine ris an robh cùram na cuideachd agus riaghailtean a bhùird an earbsa. Cha robh mòran seanchais ann am feadh ’sa mhair an itheannaich. Bha na h-uile fear a’dinneadh a stigh mar a b’fhearr a b’urrainn da, agus a’deanamh a dhìchill chum luacha-peighinn a bhi aige—agus mar d’fhuair iad sin, orra fein biodh a choire—a dh’aon chuid cha robh di annlainn orra—Bha am fìon dearg agus geal a’ cur nan smùid diubh m’an bhòrd—na h-uile fear mar shluigeadh e làn a bheòil, a’gogadh a chinn ri fear eile; b’e so an comharradh gun robh toil aige fìon òl leis. ’S ann an sin a bha gogadh nan ceann! mar gu’m biodh sgaoth thunnagan fa chomhair a chéile. An gabh thu fìon leamsa, ars’ an dara fear? Gun teagamh, ars’ am fear eile—Is ann an sin a bha’n odhail—seachad so—H-ùg air fheara! Faidheòidh thainig crìoch air an itheannaich, agus bu mhithich dhi—mhùgh mi fein air leth-dusan trinnseir o’n a shuidh mi. Thugadh buidheachas—agus bha gach gloine làn. Deoch slàint’ an Righ, ars’ an t-Uachdran air ceann a bhùird, le guth a dh’fhòghnadh do Cheannard airm—thugamaid, ars’ esan, urram do’n Righ. Leis a so, a mhic chridhe, thòisich an othail—sheas gach duine, chaidh gach gloine m’an ceann, agus thogadh an iolach! Sud ris—sud ris, arsa gach fear—nis nis—nis—agus thog iad an sin caithream shuilbhearra a theab mo bhòradh. Ciod e so? a deir mise, ri Coinneach Ruadh, a bha làmh rium? Am fasan, a deir esan. Ro mhaith, arsa mise! Shuidh iad an déigh sin, a tharruing an analach, agus bha sìth ann car tamuill—Dh’òladh an déigh sin deoch-slàinte na Bànrigh leis an ùinich cheudna—’an sin Càbhlach agus feachd na Rioghachd—a Phàrlamaid—agus [TD 186] gnothaichean sàmhach socrach de’n t-seòrsa sin—Rinneadh so uile gu ciatach réidh mar is àbhuist duinn fein a dheanamh. Thòisich iad an sin ri seanachas agus ri comhnaltradh; na h-uile fear a snìomh as an fhear eile mar a b’ fhearr a b’ urra dha. Tha so, arsa mise, ri Coinneach, mar bu chòir dha bhith; tha’n stairirich ghrannd ud seachad; air t-athais, arsa Coinneach. Mar thubhairt b’ fhior; ann am meadhon an t-seanachais, dh’ éirich Ceann-uidhe na cuirme, le slachdan beag fiodha na làimh, leis an tug e dairearach chruaidh sgairteil air a bhòrd. Fhreagair an t-uasal a bha aig ceann shìos a bhùird e, le dairearach eil’ a bhualadh, agus le seasamh mar rinn an t-uachdran. Bha gach duine na thosd; chluinneadh tu anail na luch. Ciod e so, a deir mise, ri Coinneach? Cuisd! arsa Coinneach! Labhair Ceann-suidhe na cuideachd an sin gu socrach rèidh, agus ’s ann da a b’aithne. So, ars’ esan, a dhaoin’ uaisle, deoch slàinte nach diùlt sibh. Labhair e’n sin gu fonnmhor suidhichte m’an Ghaeltachd, mu ar monachan farsuing, agus ar Srathan seasgair; mhol e na Gaedheil, agus gach ni a bhuineadh dhoibh: cha robh monadh no srath, no coille no doire; no Caol no Eilean nach do mhol e; labhair e mu ar Beanntai arda; agus m’ar glinn iosail; mu ghàrthaich ar cuanta mòra, is mu bhòichead ar lochain shàmhach fhìor-uisge; mhol e gach creag agus garbhlach; agus am badan ceò a dh’iathas m’an timchioll. Thug e iomradh air ar n-òrain, is air ar ceòl, ar Saighdeirean agus ar Cinn-fheadhna, agus mu se nuallan na Pioba môire, cha do dhi-chuimhnich an duin’ eireachdail! Las mo chridhe le aoibhneas. Dh’ fhiosraich mi m’fheòil aig éiridh air mo chnàmhaibh. So ars’ esan Tir nam Beann, nan Gleann ’s nam Breacan! A mhic chridhe: ciod a th’ agad air? ach nach cuala mise riamh stairirich agus iolach ghairdeachais cosmhuil ris an aon a thug iad air an àm so. An uair a thainig sìneadh air an othail so, thug an slachdan beag fead eile air a bhòrd. Cha robh smid ȧ beul. ’S e’n slachdan beag an gille, arsa mise, ri Coinneach: Cuisd! arsa Coinneach ruadh. A dhaoin’ uaisle, a deir an t-uachdaran, C’arson a thainig sinn an so a nochd? Cha ruig mi leas innse dhuibh, so deoch slàint’ an Fhr sin a tha cur a mach an Teachdaire Ghaelaich. Sud ris “An là a chi ’snach fhaic.” Thòisich a ghlaodhaich mhòr a rìs—na h-uile fear a rânuich mar a b’fhearr a b’urrainn da, a’ breabadh nan cas, agus a’ bualadh a bhùird. Bha gach fear ’na sheasamh ach aon duine truagh a chunnaic mi ’na ghuraig bhronaich ri taobh an Uachdarain,—a cheann glas air a bhòrd mar gu ’m biodh e thairis le deoch—no tubaisd air chor-eiginn air. ’Nuair thog e a cheann bha aodann co bàn ri aogas duine mhairbh. Cò e am bodach glas ud, a deir mise ri Coinneach? Cha d’ òl e ’n deoch slàinte—is ann air a tha ’n droch neul, an duine truagh!! Stad beag, arsa Coinneach—chi thu an tiota cò e. An uair a bha a ghlaodhaich seachad dh’éirich e, Ach co bha’n so ris an robh mis’ a’ gabhail truais, ach mo charaid an Teachdaire e fein. Cha d’aithnich mi e, is cha b’ ioghna sin, cha robh mi mar urchair gunna dha. Dh’éirich e, ach ma dh’éirich—thòisich an ùpraid—marbhaisg orra, a deir mise, ri Coinneach, nach bitheadh iad sàmhach. Bi [TD 187] d’ thosd! arsa Coinneach—so am fasan. An e, arsa mise? thòisich mo charaid an Teachdaire—ach ma thòisich esan, bhuail iadsan. Chrom e ’cheann. Nach nàrach e, arsa mise ri Coinneach? An e sin do bharail, arsa Coinneach? Tha e co moiteil air a cheart àm ri aon bhean-bainnse a sheas riamh ’an làthair Ministeir. Leig thusa leis—thig e as a phaiseanaich nàire ud a thiota—agus mar thubhairt b’fhìor. Thòisich e gu mâlda nàrach—cô ach esan? Cha leaghadh an t-ìm ’na bheul. Cha ’n ’eil fios agam a dhaoin’ uaisle, a deir e, ciod is urradh dhomh a ràdh—thug e tuisleadh no dhà, mar dheanadh each crùbach ’san dol a mach—ach ’mar ghabh e teas, agus mar chaidh e fo shiubhal, chuir e dheth gu h-inich. C’àite nis a’ bheil an nàire, arsa Coinneach ruadh? Nach dubhairt mi riut? Sud e an impis sgàine le moit. Labhair e gu maith, agus gu ro mhaith. Thug e dhoibh eachdraidh na Gae’ltachd o làithibh Fhinn mhic Cumhaill. Labhair e mu sgoilibh agus mu Eaglaisibh. Mu dhaoin’ a rinn maith d’ar dùthaich anns na linntibh a dh’fhalbh, agus anns an àm a tha làthair. Labhair e mu thogradh nan Gaedheal gu foghlum fhaotainn, agus mu iomad ni nach urrainn domh a chur sios. Ma rinn an Teachdaire Gaelach riamh maith, ars’ esan, ma thug e riamh toileachas-inntinn no fiosrachadh seachad, a bhuidheachas sin dhàsan a thainig an nochd á Duneideann a chuir urram air a chòmhdhail so—a bhuidheachas uile, ars’ esan, do Charaid na Gaedheal—agus do charaid mo chridhe a tha ’n nochd na shuidhe an so dlù dhomh, Priomh uachdaran Ard Oil-tigh Dhunéideann. An t-Olladh urramach. Deòrsa H. Baird—neach, a dh’fhuiling barrachd saothair, agus a chosg barrachd d’a mhaoin fein air son maith ar Dùthcha, na rinn aon duine eile a tha ’n nochd air aghaidh an t-saoghail. Caraid, deir esan, (is e ’g amharc an aodann an duine chòir) a choisinn ainm air feadh na Gaeltachd, a luaidhear le cliù an déigh dhuinne agus do chlann ar cloinne bhi air tuiteam gu h-ùir. Seadh, ars’ esan, is e togail a ghuth, Caraid a choisinn ainm a luaidhear le taingealachd gus an tig an là sin anns am freagair Mac Talla nan Creag osna bhàis na Gaelic a’measg gharbhlaichean ar Dùthcha!! Bha sùil gach fir air a Bhodach chòir—thôisich a bhasbhualaich ’sa ghlaodhaich—agus tharruing an Teachdaire ’anail. ’Nuair a shìn air an toirm—chrìochnuich e na bha aige r’a ràdh, le mìle, agus mìle taing a thoirt dhoibh, a’ gealltuinn nach di-chuimhnicheadh e gu latha a bhàis an t-urram a chuir iad air. Leig a chuideachd dairearach ùr, agus shuidh e. Tha sud, arsa mise, ri Coinneach, seachad; cha ’n ’eil e co nàrach ’sa shaoil mi. Nach dubhairt mi riut? arsa Coinneach. An déigh faochadh beag, bhuail an slachdan a rìs. Am fear nach òl an deoch slainte so, arsa Ceann-uidhe na Cuideachd, cha Ghaedheal e—cha’n Albannach e. So, ars’ esan an t-Ollamh Baird, a chuir urram air a choinneamh so, le tighinn an nochd, a dh’aon obair, á Duneideann a chumail na còmhdhail. Thog a chuideachd air bonn mar bu nòs—’s ann an sin a bha ’n othail. Dh’éirich an duine còir—duine co aoidheil coslas ’sa chunnaic mi riamh—a chiabhan aosda co geal ris a chanach. Ma mhol càch esan, neothar-thàing mar do mhol esan iadsan. B’e so cleachda na cuid- [TD 188] eachd; “mol thusa mise, is molaidh mis’ thusa.” Ma labhair càch gu maith, labhair esan deich uairean ni b’fhearr—cha chuala tu riamh a leithid—bha sinn an dara uair an impis caoineadh, le bhriathra ciùin gràdhach, caoimhneil, agus air an ath mhionaid, bha sinn a’ call ar lùis le gàireachdaich. Cha do thachair a choimheas riamh orm. Choisinn e urram na h-oidhche thairis orra gu lêir. Nach e’n gille am Bodach mòr, arsa mise, ri Coinneach? Dh’òladh an déigh sin Luchd-riaghlaidh a bhaile mhòir. Dh’éirich àrd Uachdaran Ghlaschu a thoirt taing dhoibh: duine taiceil, làidir, grunndail, tuigseach. Bha slabhruidh òir m’a mhuineal, agus bonn mòr òir, dà leud mo bhoise air ’uchd air an robh gearradh-arm no suaicheantas a Bhaile mhòir air an deargadh. Mhol esan an Teachdaire mar rinn càch. A’ bheil Gaelic aige? arsa mise ri Coinneach. Cha ’n ’eil focal, a deir Coinneach. An Gille! arsa mise! Cò bha na shuidhe ri taobh an Teachdaire ach Tighearna Cholansaidh. Is mi a dh’ aithnich a cheann glas. Dh’òl sinn a dheoch slàinte le h-anabharra sodain. Bha mi ro thoilichte leis an dòigh air an do fhreagair e. Bha iad ’na dhéigh so ag éiridh ’an sud, ’s an so, a’ losgadh o thaobh gu taobh. Cha b’aithne dhomh fear as an fhichead diubh—is cha b’fhearr Coinneach ruadh na mi fhéin. Cò, arsa mise, tha nis air a bhonn? Duin’ uasal eireachdail a bha toirt duinn deoch-cuimhneachain TRIATH GHART. Sud, a deir esan, fior Ghaedheal. ’S ann aig a tha sùgradh a ghnothaich, agus cha b’e cheannach a rinn e—mac an deagh athar—an Sgiathanach uasal o Shrath-mhic-Ionmhuinn. Cha chuala mi rè na h-oidhche briathran a b’fhearr a thaitinn rium na a chainnt a chleachd Ceann-uidhe na cuirme, an toirt duinn deoch cuimhneachain nan daoine mòr agus maithe, a dh’ eadar-theangaich na Sgriobtuire do’n Ghaelic—chaochail iad gu léir, a deir esan, ach tha an cuimhne mar dhearsa na gréine air tìr nam beann. An déigh iomadh seanachas. agus iomad slàint, a dhi-chuimhnich mi thug Uachdaran na cuideachd seachad deoch slàinte na muinntir sin a bha cuideachadh leòsan a bha cur a mach an Teachdaire Ghae’laich. Tha cuid diubh an so a làthair. Dh’òladh so le furan—chaidh fuaim an aigheir a mach feadh an t-seòmair, agus mar bu dual fhreagair Mac-talla. Cnapairneach làidir, taiccil, de dh’fhìor Ghael, a mhuinntir Eilein Chola, mar chuala mi; agus air m’fhocal fìrinneach chuir e dheth gu deas. Dh’ fheuch Sealgair a bha sa chuideachd ri stad a chur air—ach bha co maith dha oidhirp a thoirt air an t-sruth a philleadh air a Bhun-dubh. Sheas a chuideachd le Mac-talla, agus an urram sin da. Thug e dhuinn Greugais is Laidiunn—agus Eabhra—agus dhearbh e gu riochdail gu ’m b’i a Ghaelic màthair gach aon diubh. Tha sibh an sin a dhaoin’ uails,’ thuirt esan, luchd riaghlaidh a bhaile mhòir so, agus uachdarain Oil-tighean na dùthcha, agus ge dàna do Ghael bochd mar a ta mise a bheul fhosgladh, cha’n urrainn mi an cothrom so leigeil seachad gun bheagan de na tha ’m bheachd a labhairt. Cia mar, a deir esan, a tha e tachairt gu bheil bàigh co mòr agaibh ris gach cànmhuinn eile ’n ar n-Ard-thighibh foghluim, agus [TD 189] gu bheil sibh co suarrach m ’an Ghaelic? Cha chuir sibh a mach Ministeir a tha cearbach ’sna càmhuinibh sin, ge nach faic mi gu bheil mòran feum annta. Cha d’thugadh sibh comas searmonachadh do a h-aon diubh sin a thuislicheadh air focal beurla—ach leigidh sibh troimh ’ur lamhaibh gach là, Ministeirean Gae’lach, aig a’ bheil ri labhairt ris na mìltean, agus gun fhocal de Ghaelic nam beann ’nam beul—“ach cuid di ’na Gaelic, agus pàirt di na Beurla,” nach b’urrainn na daoine bochd éisdeachd gun ghràin agus anntlachd. Cha dean so cùis ni’s faide ars’ esan. Thug e dhoibh gu deas. Mo bheannachd ort, a deir mise; gabhadh iad sud; ’s ann ad bheul tha’n fhìrinn. ’Smi bha thall ’s a chunnaic e. Shuidh Mac-talla, is thug sinn dairearach dha; rùisg air mo bhosaibh a’toirt urram dha, oir thuig mi nis gur h-ann am meud na stairirìch a bha’n t-urram. Dh’éirich fear is fear na dhéigh so. Loisg iad air a chéile o thaobh gu taobh de’n bhòrd; cha robh ann ach clach os cionn cloich Mhic Leòid. Ghabhadh e seachduin dhomh a chur sios na chuala mi. Thug òganach tlachdmhor nach b’aithne dhomh, a mhuinntir Thobar-mhuire, mar chuala mi, dhuinn òran, m’an d’fhàg mi a chuideachd, agus ’s ann da féin a b’aithne sin a dheanamh; cha chuala mi riobhaid idir bu bhinne. Dhealaich a chuid bu lionmhoire de’n chuideachd gu maith tràthail; ach chuala mi gun robh buidheann bheag thaghta de dh’ fhìor Ghaedheil, de Ghillean an éilidh, a shuidh ri guaillibh a chéile, beagan ni b’fhaide. Agus an t-uasal Sgiathanach o Shrath Mhic Ionmhuinn air ceann a bhùird. Cha’n’eil mi cinnteach c’ uin a sgaoil iad so; ach air leam gu’n cuala mi, an déigh mo cheud chodail, is mi ann an seòmar dlù dhoibh, am Muileach còir a’togail òrain eile. Crìochnaichidh mi an litir so, le a h-aon de na h-òrain a sheinn e a thoirt dhuit ann an cainnt ar dùthcha fein; agus d’a rìreadh, ged a tha’n sneachd an nochd air an raon, rachainn mìle no dhà air chéilidh gu ’éisdeachd uaithe. Slàn leat, fhir mo ghaoil, Is mi do charaid dìleas, AM BUIRDEISEACH BAN. AM FOTHANNAN. Biodh an uaill as an tir thug do Phàdruic a chliù, ’S a fearann a chuain, ’s na chuir Sasunn an dùil, Le’n ròsaibh dearg maiseach, is le siomraig ro ghrinn; ’S mòr gur ionmhuinn le ’m chre-sa na sléibhtean mù Thuath, Tir nan gorm-bheann ’s nan glacan, a dh’altrum an uaisl’ ’S na sleibhtibh ’s na choisinn an t-Saorsuinn mor bhuaidh, Is nach facas riabh tràill anns na glinn ’s nach do ghluais, Far am fàs am fraoch badanach, gaganach, grinn. Ged is reamhar am fonn ’san cinn ròsan ’s maith dreach, Ged is lom ar n-àrd shléibhtean, ’s iad còmhdaicht’ le sneachd, Far am fas am fraoch barr-dhearg ’s an cluaran neo-mhin; Bha na Gaidheil riabh cairdeil, ’s fior riòghail ’s gach àm, An teagmhail no cruadal cha do bhuadhaich orr’ nàmh, Ar dùthaich gun choimeas, is ar treun laoich ro-àilt’, Is ar n-òighean fior-dhreachmhor aig imeachd a’ mhàigh, Far an eirich am fòth’nan—am fòth’nan neo-chlī. [TD 190] Air ar sinnsir tha cliù, anns gach cath thug iad buaidh, ’S gur a h-iomadaidh càrn, air an nàmh thog iad suas Air uaighibh nan laoch ’dh’fheuch ri Alb’ thoirt fo’n cìs: Agus ’s lionar garbh-chàrn thogar ’n aird air ar tràigh, Ma ’se ’s gun tionnsgainn oirn cogadh, ’s gun d’thig oirne nàmh— Thigeadh nàmh air muin nàimh, mar thonn air dhruim tuinn, Gun d’thoir sinn dhoibh coinneamh, gun gleidh sinn dhoibh uaigh, Fo fhreumh an fhraoich bharr-dheirg ’s an fhòth’nain neo chli! O! ’s ionmhuinn le ’r n-anmaibh mor thròcair na flaithibh, ’S i saorsuinn is uaill dhuinn, ’san fhearrann ’sa bheil sinn, Ann an talamh an fhòth’nain—an fhòth’nain neo-chli: Far na cheannaich ar sinnsreadh an t-saorsuinn mar dhuais— Le dòrtadh am fola, ’s bheir an sliochd mionnan cruaidh, Nach cuir nàmhaid gu bràth aon chas air an uaigh, Ach cinnidh a’ fòth’nan air uaighibh nan laoch— Fòth’nan Albuinn ro chalgarra—fòth’nan neo-chlì. LATHA NOLLAIG. Is lionmhor iad air feadh na Gaeltachd a tha mu’n àm so a’deanamh uidheamachadh airson na Nollaig, nach h-urrainn innse seadh an fhocail, no c’arson tha cuimhn’ air an latha so seach aon latha eile o thoiseach gu deireadh na bliadhna. ’S latha féille an Nollaig ann an Eaglais na Ròimhe, agus mar an ceudna ann an Eaglaisibh Criosdail eile air tir-mòr na h-Eòrpa, mar latha cuimhne breith Chriosd. Tha iad a’cruinneachadh gu tràth air an latha so ’na’n tighibh aoraidh, agus an déigh do’n mhinisteir no do’n t-sagart searmoin a thoirt dhoibh mu theachd an t-Slànuighir a dh’ionnsuidh an t-saoghail, tha iad le fuaim bhinn nan organ àrda, agus le co’-sheirm ghàirdeachais a’seinn laoidh na Nollaig. Cha’n’eil am focal so, Nollaig r’a fhaotainn ’s na Sgriobtuiribh, agus cha mhò tha latha breith Chriosd air innse; agus idir cha’n’eil e air âithne dhuinn latha féille de’n t-seòrsa so a choimhead. Cha chualas iomradh air Géill na Nallaig ré tri cheud bliadhna ’n déigh breith Chriosd; agus tha fios againn nach ’eil na sgoileirean a’s foghluimte a dh’ aon bharail mu ’n là na eadhon mu ’n mhìos anns an d’ rugadh e. Cha ’n ’eil là eil’ air a naomhachadh le Dia ach latha na Sàbaid: so an t-aon latha tha mar fhiachaibh òirne chumail mar latha féille. Ach ged nach ’eil e dligheach òirnn an latha so a naomhachadh, gun teagamh cha’n’eil e dligheach dhuinn a mhi-naomhachadh ni’s mò na aon latha eile. Ged nach d’iarradh oirne cruinneachadh gu aoradh follaiseach, cha d’iarradh oirnn cruinneachadh gu òl, gu misg, agus baoth-shùgradh. Ma ni sinn eadar-dhealachadh air bith eadar e agus latha eile, ’sann chum urram a chur air bu chòir dhuinn teachd cruinn. Tha so dligheach air gach àm, tha’n t-atharrachadh mì-dhligheach agus peacach air gach dòigh. Fhuair sinn an dàn a leanas o chionn fhada, ach ghléidh sinn e aìrson latha Nollaig, agus tha sinn cinnteach gun leughar e le tlachd. [TD 191] BREITH CHRIOSD—LAOIDH NA NOLLAIG. Bu tròm-shàmhach tosdach bha ’bhuaile ’s an t-achadh, Cha chualas aon fharum no gluasad ni’s mò; Ach a chuairt-ghaoth ag osnaich air feadh nam beann dosach, A’s borbhan nam bras-uisg’ ri monmhur roi’ lòin. Sguir driop agus carraid a’s gleadhraich a bhaile; Chaidh gach ainmhidh a’s duine gu sàmhchair a’s sìth: Sguir an uiseag d’a h-òran, bha tosd air an smeòraich, ’S chaidh an treabhaiche dhachaidh tròm, airtnealach, sgìth. Bha ’ghealach air éiridh a’s gorm-bhrat nan speuran, A’ dealradh le reulta cho fad sa bu léir; Bha buach’lean Bhetlehem air mullach nan sléibhte A’ caithris an treudan m’an éireadh dhoibh beud. Leò b’éibhinn an sealladh ri fann-ghath na gealaich Bhi faicinn na spréidhe ’na ’n luidh ’air an fheur; Leò bu mhilis bhi ’g éisdeachd na spìdeig* air geugan, A’ seinn do na reultaibh bha dealradh ’san speur. Ach chunnaic iad sealladh ni b’éibhinn gu fada, Ma’s d’thàinig a’ mhaduinn a’ dealradh ’san speur; A’s chual iad guth molaidh bu mhìlse gun choimeas Na òran na spìdeig ’na suidh’ air a’ Ghéig. Feuch thàinig orr’ aingeal a dh’innis doibh naidheachd, ’Ghrad fhuadaich an t-eagal bha orr’ aig an àm; Dhealraich glòir Dhé uim,’ mar lòchran bha ’eudann, ’S bu ghile bha eudach na sneachda nam beann. “Na bitheadh oirbh eagal, ach éisdibh le creidimh, ’S na cuiribh an teagamh ’n sgeul ait th’ agam dhuibh; ’N diugh rugadh dhuibh Slàn’ear am baile righ Dàibhidh Bheir saors’ agus slàint’ do gach àl agus linn. ’S a chum a’s nach seachain sibh naoidhean na maise, Thugaibh aire do’n deis’ air an fhainich sibh e. Gheibh sibh e’m prasaich, am brat-spéilidh paisgte; ——Sin còmhdach gun mhòrchuis, neo-rìomhach mhic Dhe.[”] Cha luaithe a thubhairt an t-aingeal so riutha Na chual’ iad ’s na speuran mòr-luathghair ro bhinn; ’S air togail an sùilibh feuch a’ nuas orra thùirling, Mòr-chuideachd thar cùnntas de ainglibh a’seinn. “Gloir do Dhia anns na h-àrdaibh; dha canaibh Hosanna! Air talamh biodh siochaint, deadh ghean do chlann daoin’! Uil’ onair biodh dhàsan dhealbh innleachd na slàinte! ——Gràs De tre an t-Slan’ear cha chaochail a chaoidh.” OIGFHEAR. NAIDHEACHDAN. ’Se naidheachd is mò tha falbh air an àm, a’ ghleadhraich tha daoine anns gach cearna de’n rîoghachd a’ deanamh airson ath-leasachadh fhaotainn air an dòigh anns a’ bheil luchd-àrd-chomhairle na rìoghachd, uaislean na Parlamaid, air an roghnachadh. Cha ’n ’eil Siorramachd ’san dùthaich no baile mòr anns nach ’eil còmhdhailean chum so, an t-ath-leasachadh tha dhì orra, thoirt mu’n cuairt; ach cha ’n ’eil dà choinneamh dhiubh ’san aon bharail: Feuchaidh sinn anns an ath-theachdaire ri seòrsa do bheachd a thoirt d’ar luchd-dùthcha mu’n chûis so. * Nightingale. [TD 192] ’S duilich linn a ràdh gu bheil mòran do losgadh ’s do mhi-riaghailt a’ dol air aghaidh an Sasunn air an àm. ’S bochd r’a éisdeachd ann cùnntas tha teachd oirnn mu na nithe grannda so, ach tha casg air a chur orra ann am bitheantas, agus tha dòchas againn nach fhada gus an stad giùlan tha co tàmailteach do’n rìoghachd, agus co sgriosail air an lòn tha ’m Freasdal a toirt do dhaoine. Is làn thoillteannach iadsan tha losgadh mulain phrìseil chruineachd, agus gach obair ealanta innleachdach ’ga ’bheil daoine deanamh feum chum saothair mhic an duine a lughdachadh agus an lorg so teachd-an-tìr agus aodach a thoirt dhuinn co saor; ’s làn thoillteannach tha mi a ràdh, iad so air a pheanas a’s àirde is urrainn lagh na rìoghachd thoirt a mach ’nan aghaidh. Tha sìth is sàmhchair an Albainn: Tha cosnadh gle dhuilich fhaotainn air an àm. Tha mhin aig eiridh am prìs, agus an fheòil; tha chlòimh a’ dol an daoiread. Tha ’m buntàta maraon daor, a’s ’sann ni’s daoire tha choslas air a bhith. FOCAL ’SAN DEALACHADH. Mòran taing do’n Latharnach; tha sinn fada ’na chomain. Gheibh am Bodach liath agus Seumas àite cho luath ’s a ’s urrainn duinn. Tha nàir’ oirn nach d’ fhuair sinn cothrom fhathasd air àite thoirt do’n Eileanach iomallach, agus do chuid do nithe thainig o Chraig-an-eidheannaich, ach da rìreadh cha ’n ‘eil comas againn air: Gabhadh iad ar leisgeul.—Taing do’n Tuathach. Chi Clann an t-soluis an solus ’s an ath-Theachdaire.—Piseach air Mactalla.—Bheir sinn taoghall air luchd na droch ghaelic, san ath àireamh, ged a b’ann le solus na gealaiche.—Mòran taing do I. M‘L.—Leigidh sinn le Fionnla Pìobaire agus le ’charaid Para mòr an conaltradh laoghach fhein innse ’san ath Theachdaire. Fhuair sinn an litir a chuir Fothannan fiadhaich o mhachair nan Gall d’ ar n-ionnsuidh; cha ’n ’eil a chridh’ againn a cur a mach—bheireadh Clann-Ghriogair an sgamhan asuinn a cheud latha rachamaid do Ghlaschu, no bu dàn duinn an sgeul innse.—’S duilich leinn cor Maighstir sgoile na gruaige. Cha’n’eil teagamh againn nach ’eil adharc a mhinisteir ’na chliathaich, ach cha bhuin e dhuinn dol ’san eadraiginn.—Moran taing do dh’ Ailean beag.—Fhuair sinn litir Lachainn Oig: tha i tuigseach ni’s leoir—ach O! tha i tròm, tròm, cha ghabh i leughadh—cha’n urrainn duinn àite thoirt dhi: an ni nach gabh nigheadh cha ghabh e fàsgadh.—Failt, air Iain Gallda! mo bhonnag air! ’S fhad’ o’n dà latha sin.—Gum ma fada beò e ’s ceò as a thigh.—Is tha thu gu gleusda Iain? ’S tù dh’fhàs ciùin modhail màlda: an uair a luidheas a’ ghaoith ’s maol gach sion.—’S eadh, fhuair thu mach cò rinn an eucoir ort air an robh thu gearan;—fhir mo chridhe! fosgladh so do shùilean, ’s na bi cò bras a rìs—amhairc romhad mun toir thu leum; ’nuair theid duine ’m mearachd ’s a cheud cheum ‘s ann ni‘s faide air sheachran a bhios e dol. Bha Teilleir seolt’ ann uaireiginn do’n t-saoghal, agus thuit da gun robh gille aige aig ionnsuchadh na tailleireachd; ’nuair bha ùine a ghille mach, ’sa bha iad ri dealachadh, thuirt an Tàilleir ris “Tha do cheàird a nis agad air do làimh fein, ‘s iomad comhairle mhaith thug mi riamh dhuit, ach tha aon chomhairle agam a ghleidh mi gu àm dealachadh,—agus ma bheir thu duais mhaith dhomh bheir mi ni’s dhuit i, agus tha i anabarrach feumail do thàilleir.” Gheall an gille ’n duais agus an sin thug an Tàilleir a chomhairle dheireannach do’n ghille tha mise nis a toirt do dh’ Iain Gallda “Am fear nach cuir a shuaim, caillidh e cheud ghreim.” Slàn leat Iain—Bliadhna mhaith ùr dhuit is mòran diùbh! [TD 193] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS DEIREANNACH A GHEAMHRAIDH. XXI. AIREAMH. 1831. AN FHAISNEACHD MU THIMCHIOLL LUCHD-AITEACHAIDH AFRICA, AGUS INNSEAN NA H-AIRD-AN-EAR. Agus thubhairt e, Mallaichte gu’n robh Canaan; ’na sheirbhiseach nan seirbhiseach bithidh e d’a bhràithribh. Agus thubhairt e, Beannaichte gu’n robh Tighearna Dia Sheim; agus bithidh Canaan na sheirbhiseach dha. Ni Dia Iaphet farsuing, agus còmhnuichidh e ann am bùthaibh Sheim; agus bithidh Canaan ’na sheirbhiseach dha. Gen. ix. 25, 26, 27. Tha againn anns na briathraibh so fàisneachd a rinneadh le Noah ann an ceud linn an t-saoghail, mu dhéibhinn a chuid mhac fein. Labhair Noah na briathran so tamull beag an déigh dha teachd a mach as an àirc, agus an uair nach robh ach a theaghlach fein a mhàin air an t-saoghal. Ach ged a thugadh seachad an fhàisneachd so o cheann cheithir mìle bliadhna, tha a coilionadh r’a fhaicinn air a cheart àm so, agus fìrinn focail Dhe air a shoilleireachadh fa chomhair ar sùl. Cha ’n ’eil eachdraidh nan Iudhach, no eachdruidh nan Arabianach, a ’togail dearbhadh ni’s làidire air fìrinn fàisneachd an Tighearna, na tha eachdraidh nam fineacha lionmhor sin a shìolaich o mhacaibh Noaih. Bha triùir mhac aig Noah, Sem, Ham agus Iaphet. B’e Canaan, m’an robh an fhàisneachd so air a labhairt, oighreachd Ham. ’Sann air a shliochd a bha’m mallachd so ri teachd—air na Canaanaich. Chunnaic Dia, roimh-laimh, aingidheachd an t-sluaigh so, a thòisich ann an giùlan Haim o’n d’thainig iad; agus chuir e ann an cridhe Noaih an fhàisneachd eagallach so chur an céill m’an déibhinn. Feuchaidh sinn ris an fhàisneachd a mhìneachadh gu h-àithghearr. Mallaichte gu’n robh Canaan. So a cheud chuid de’n fhàisneachd—agus choimhlionadh am mallachd so gu tràthail. Bha na Canaanaich nam pobull aingidh os ceann aon phobull air bith eile. Bha iad nan sluagh gràineil. truaillidh, neo-ghlan. Cha robh peacadh anns nach robh iad ciontach. Ann an leabhar Lebhiticus xviii. agus xx. Caib. tha cunntas sgreamhail air a thoirt duinn air giùlan nan daoine mallaichte so. Is ann air son an aingidheachd a thug Dia seilbh do na h-Israeilich air an dùthaich, agus a dh’ fhògair e iadsan aisde. [TD 194] Ach tha am mallachd a bha ri teachd air sliochd Haim, gu h-àraidh a’ ciallachadh daorsa—agus tràillealachd. Seirbhiseach nan seirbhiseach bithidh e d’a bhràithribh. ’Se sin ri ràdh, bithidh sliochd Haim, na Canaanaich, nan tràillean do shliochd Sheim, agus Iapheit. Bithidh iad ann an daorsa aca—nan seirbhisich aig an seirbhisich. Linn na dha an déigh do’n fhàisneachd bhi air a labhairt, fhuair na h-Israeilich, sliochd Sheim, fo cheannas Iosua, buaidh an aghaidh nan Canaanach; chuir Iosua deich righrean fichead dhiubh gu bás—ghabh e seilbh ’nan dùthaich—mharbh e leis a chlaidheamh luchd-aiteachaidh na tìre—rinn e tràillean de na Gibeoinich, agus de chinnich eile a bha dhiubh. Agus na dh’fhàg esan rinn Solamh tráillean diubh ’na dhéigh sin, mar chi sinn II. Eachd. viii. 7, 8. 9. Rinn e tràillean de gach aon de shliochd Chanaain; ach cha d’rinn e tràillean de aon de shliochd nam bràithrean eile. Fad iomad linn ’an déigh do dh’ eachdraidh an t-Sean Tiomnaidh dùnadh, bha cuid de shliochd Chanaain cumhachdach agus laidir. Chuir iad an cath ’an aghaidh nan Roimheach, agus nan Greugach; ach b’ eiginn doibh faidheoidh strìochdadh. Thug Alasdair uaibhreach, mac Righ Philip, le ’fheachd Greugach buaidh air na bha chòmhnuidh dhiubh ann an Siria, agus ann am Palestina; agus bhuadhaich Scipio, agus na Roimhich an aghaidh nan Tirianach, agus luchd-âiteachaidh Charthage. Thug so air Hanibal, a h-aon de na Canaanaich e fein, éigheach le h-uamhas, Tha binn a mach ’an aghaidh Charthage. Is éiginn doibh géilleachdainn. A nuas o’n là sin tha an sluagh so nan tràillean. Tha iad nan seirbhisich do chloinn Iapheit, agas Sheim gus an là ’n diugh. Ghabh iad rè tamuill tàmh ’san Eiphit. Bi an Eiphit tìr Ham—mar chi sinn gu tric sa Bhìobull; agus rè iomad linn, bha an Eiphit na dùthaich chumhachdaich, bheartaich, ach fhuair na Persianaich buaidh na h-aghaidh. B’ iad so sliochd Sheim—agus na dhéigh sin thugadh leir-sgrios air an Eiphit leis na Greugaich, sliochd Iapheit. Agus o’n àm sin bha an dùthaich sin fò dhaorsa do chloinn am bràithrean ’Siad clann Ham a mhàin a tha ’g aiteachadh tîr-mòr Africa. An ruig sinn a leas innseadh an tràillealachd thruagh anns an robh an dùthaich bhochd so o cheann iomad agus iomad linn. Cha ’n ’eil e comasach a chur an céill an cor eagallach, aingidh, dubhailceach, mallaichte, anns a bheil sliochd Chanaain, ’s na dùthcha dorcha sin. ’Si Africa tìr na daorsa—tìr na tràilleachd—tîr na truaighe. ’Nan tràillean ’nan dùthaich fhéin—air an reic, agus air an ceannach mar thràillean—air am fogradh gu tràillealachd do gach céarna de’n t-saoghal: tha clann thruagh Chanaain gus an latha ’n diugh air an reic agus air an ceannach mar ainmhidhean na machrach—tha iad ag oibreachadh agus a’ saoithreachadh mar ainmhidhean—tha iad air an saltairt fo chasan—air an sgiùrsadh mar nach biodh anmannan aca, no tuigse: Siubhail an saoghal agus gheibh thu fìrinn fàisneachd an Tighearna, Mallaichte gun robh Canaan—’na sheirbhiseach nan seirbhiseach bithidh e d’a bhràithribh. Ach mu’n tig sinn gu crìch, feoraicheamaid cia mar a choimhlionadh na geallainean a rinneadh [TD 195] do Iaphet. Ni Dia Iaphet farsuing, agus còmhnuichidh e ann am bùthaibh Sheim. Gin: ix. 27. Agus bha Iaphet air a dheanamh farsuing, ni b’ fharsuinge gu mòr na sliochd a dhà bhràthar; bha e farsuing ann an dùthaich agus ann an gineil: ’S ann do shliochd Iapheit tha sluagh na roinn Eòrpa gu h-uile—agus cia anabarrach lìonmhor iad sin féin, gun labhairt mu ’n chuid eile dhiubh:—’Sann diubh luchd-àiteachaidh Armenia, Iberia, Albania, agus na rìoghachdan farsuing mu thuath far am bheil na Tartaraich a chòmhnuidh, agus tha aobhar a smuainteachadh gu’m b’ann diubh ceud luchd àiteachaidh America a fhuair thairis air na caoil àilthean tha eadar America mu thuath agus tìr-mòr an t-sean t-saoghail a’s dlùithe dha. Mar so choimhlionadh a chuid so de’n fhàisneachd, Rinn Dia Iaphet farsuing—agus choimhlionadh a chuid eil ’air an dòigh cheudna, agus tha i gach latha a coimhlionadh mu choinneamh ar sùl—tha iad a’ còmhnachadh ann am bùthaibh Sheim. Tha clann Shéim ag àiteachaidh tìr mòr Asia, Innsean na h-àirde ’n ear, agus tha e air a ràdh gun còmhnuich sliochd Iaphet ’na ’m bùthaibh—se sin ’nan àiteachan-còmhnuidh; agus nach culaidh iongantais da rìreadh mar thachair so. Tha muinntir na h-Eòrpa, sliochd Iaphet a chòmhnuidh ann am búthaibh Asia—ann an dùthaich cloinn Sheim. Buinidh a chuid a’s mò de dh’ Asia do Bhreatunn—tha na mìltean agus na ceudan de mhìltean d’ar luchd-dùthcha féin a chòmhnuidh air a cheart àm so ann am bùthaibh cloinn Sheim. Nach h-airidh air mothachadh so! Cha ’n ’eil àite na baile na còmhnuidh aig clann Sheim am measg bùthaibh Iaphet gu léir, ge lìonmhor iad; ach tha clann Iaphet a h-uile latha do thairis agus a’ gabhail còmhnuidh ’am bùthaibh Sheim. Agus a nis nach éiginn duinn aideachadh gur eagnaidh, puncail an doigh anns ’n do choimhlionadh an fhàisneachd so. Thugadh seachad an fhàisneachd so. Thugadh seachad an fhàisneachd so o chionn còrr agus ceithir mìle bliadhna; agus gus an latha ’n diugh, tha i fosgladh a mach ni’s mò ’s ni ’s mò, agus tha a fìrinn air a dearbhadh mu choinneamh air sùl. Tha eadhon eachdraidh an t-saoghail againn ’san fhàisneachd so—agus daingneachadh no còmhdachadh làidir againn leis gach aon eile air fìrinn focail an Tighearna. T. M‘L. Campsie, 1831. MU’N CHRUINNE. VII. A bharrachd air a ghluasad a ta lionadh a’s tràghadh an làin a cur fo’n fhairge, thugas fainear do mhòran de shruithean eile, ann an ioma earrann de’n chuan, a ta daonnan a’ siubhal air an aon imeachd; agus do ’n mharaiche, tha e ro fhéumail fios a bhi aige air neart agus air siubhal nan sruth sin. Ann an cuid de dh-àiteachan ’se sìneadh no imeachd nan cladaichean a ta ’g aomadh nan sruithean so; agus, ann an ionadan eile, ’siad na gaoithean a tha ris. Far a bheil sruth uachdair an cònuidh a’ siubhal, thugas fainear gu ’m bheil sruth ìochdair daonnan a siubhal na aghaidh sin, a chumail suas co-chothrom nan uisgeachan. ’Sann mar so a tha chùis ann an caolas Ghibraltair, agus aig beul na mara Baltaic, [TD 196] eadar an t-Suain agus Lochlainn. Gu bheil an leithidean so de shruithean-ìochdair a’ siubhal ann an ioma cuid de’n fhairge, chaidh a làn-dearbhadh le ioma deuchainn. Chaidh so a dheanamh gu h-àraidh ’sa mhuir Bhaltaic, air an dòigh so. Thug iad a mach sgoth do mheadhon an t-sruth a ta ’sìor-ruith a stigh do’n mhuir so; agus, am feadh’s a bha’n sgoth a’ ruith gu siùbhlach leis an t-sruth, chuir iad a mach craoileag agus cothrom trom slaodadh rithe. Cha b’fhada gus an deachaidh grabadh air siubhal na sgoth; agus, an uair a leig iad a chraoileag ’san cothrom fodha na b’ fhaide, chaidh an sgoth air a h-ais, a dh’aindeoin an t-sruth-uachdair, agus na gaoithe cuideachd, a bha ’na h-aghaidh. Cha robh doimhneachd an t-sruth-uachdair os ceann 4 no 5 aitheamh; agus chaidh beachd a ghabhail, gur h-ann mar a b’ fhaid’ a leigte fodha a chraoileag, bu treise neart an t-sruth-ìochdair. A bhàrr air na sruithean so, gheibhear, ann an corr ionad de’n fhairge, sruithean-cuairteige no coireachan-cuain. Is ioma sgeul-uamhais a chualas riamh umpa sin, eadar na bàird agus na maraichean. Ach a nis, o’n a thòisich na nàduraich air oibrean a chruinne a sgrùdadh, fhuaradh a mach nàdur nan cuan-choireachan so, cho math ri nàdur ioma ni eile a bha ’na chuis-uamhais ri linn an aineolais; agus, do bhrigh’s gu’n ruag eòlas air falbh ogluidheachd an aineolais, uime sin, cha’n ’eil urad fhiamh aon chuid air na bàird no air na maraichean a nise roimh choire-Bhreacain ’s a b’ âbhaist doibh. “Ach, ciod is aobhar do na coireachan so?” Innsidh mi sin duit. An uair a bhios meall mòr uìsge ’na dhian-ruith ann an amar garbh, neo-chòmhnard, theid grabadh a chur air cuid deth, agus iompaichear e gu cuartaig, agus is e siubhal cuairteach so an uisge a ta ri cuan-choire. Tha so furasd’ a léughadh, do bhrigh’s nach fhaighear coire-cuain ann an àite sam bith ach faisg air còrsaichean creagach, stallach, garbh, agus ann an caolais chumhann, stallach, sgeireach. Rinn am maraiche Mac Coinnich deuchainean ’as rannsachadh timchioll Choire-Bhreacain, agus fhuair e a mach gu ’bheil an sruth ann an sin, eadar Iura ’us Scarba, a’ tuiteam an dara siubhal thairis air stalc mhòr sgeire, agus air ’ais-siubhal a’ bualadh na stailce céudna; agus, mar a chaidh a mhìneachadh cheana, gu bheil gach grabadh dhiubh so a’ toirt air an uisge siubhal cuartaig’ a ghabhail, agus uime sin a’ deanamh Coire-Bhreacain. Tha coire-cuain air còrsa siar-thuath rioghachd na Suaine, ris an abair iad am Maolstrum, agus is ionann nàdur a chòrsa m’a thimchioll agus nàdur còrsa Choire-Bhreacain. Chualas mòran de naidheachdan eagallach aig cuid de mharaichean mu choire a Mhaolstruim, ach ’s ioma maraiche ’bha glé eòlach air seòladh rathad a chòrsa mu ’bheil e, nach cuala riamh urad agus iomradh air. A. B. R. COMHRADH NAN CNOC. Para Mòr, Fionnladh Pìobaire, agus Mòr Og. Fionn. Cò tha againn ’an so a Phàruig? Ma ta is fada o chunnaic mi fein bean uasal a’tearnadh a stigh na Catha ud roimhe. Par. Tha dà latha uaithe ma chì thu ’n diugh i; tha uait a bhi [TD 197] shuas no bithidh othaisg san dris. Cha mhaith a fhreagras an sròl uaine ud a’ measg na droighinn. Nach dubhairt mi riut? Seall an tràs i. O! làn na beannachd do’n droighinn—’s minic a chuala mi gun robh i gun eiseimeil—’s gu dearbh tha mo chead aice. Fionn. Ud! Ud! a Ghoistidh, cha dubhairt thu riamh a leithid. A cheart rìreadh a tha mi, tha uainn dìreadh ’na cò’dhail. Pàr. Ma ta cha d’théid mo chas ged a bhiodh i sniomh ’an sud gu latha; ach ma tha truas agad di, theirig san eadraiginn—éudail—’s tusa dh’ amais air a mhnaoi uasail—tha e coltach gur ann agad fein a tha ’m beachd oirre. ’Se sin thus’ a bhith co tric ’an cuideachd nan uaislean. A’ bheil cuimhn’ agad air an té d’an do sgrog thu do bhoineid an là a ràinig sinn Glaschu? Fionn. Falbh! coma leat sin an tràs—cha’n ionann so agus Glaschu—is bean uasal a tha’n sud, no tha mise meallta. Pàr. An cuala tus’ a Ghoistidh, “Sìoda air cabar, agus bithidh e briagha”—sud agad e. Nam bitheadh i sud uasal, bheirinse urram na h-uailse dhi—ach mu tha feudar sgur de’n ghnothach. A’ bheil thu idir ga h-aithneachadh? Nighean bràthar Fhionnladh Phìobaire, is nighean peathar Phàra Mhòir!! Cha ’n ’eil fhios c’àite bheil fear-na-bainnse? ach cluinnidh sinn. Is maith a tha fhios agam an taobh a thug e ’aghaidh an diugh. Fionn. ’N ann a cheart rìreadh a tha thu? Ma ta, mar thuirt thu fein ris an tailleir ghallda, “is e’n gille ’n t-aodach”—ach ’si Mòr a tha’n so, co dhiubh. Fàilt ort a Mhòr—bu mhithich dhuit tighinn air do shean eòlas. Pàr. ’Bheil thu ann a Mhòr? Bha eagal oirnn gu’n cailleadh tu’n rùsg san dris. Cha b’fheaird thu ’n teadhair uaine sin slaoda riut ’sa chatha dhroighinn—theab i cipein a chuir ort. Mòr. Tha e coltach nach feumadh daoine aodach decent sam bith a chur orra san dùthaich so. Pàr. Tha iunndrain agads’ air a Ghalldachd, agus air na caubhsairean. Is tur’ a dh’fheudas a ràdh—leis an sgeulachd, Gun deach thu air do thuras le brògan pàipeir mu d’ chasaibh. Cha mhaith a fhreagras no leòban sin ’sna sgrìodain. ’Bheil fios agad ciod a tha Fionnladh ’n so ag ràdh? ach gu’m b’fhearr leis gu’n tugadh tu dha stiall de’n riobain sin air son na Pìoba—’s gu’n gleusadh e i air do bhanais a nasguidh. Mòr. O Uncle! is droll an duine sibh: bithidh sibh daonnan ri fun, ’s ri magadh. Pàr. Bithidh a Mhòr. Am fasan a bha aig Niall, bha e riamh ris. Ach an saoil thu a Ghoistidh nach ’eil sud gu maith. Uncle, ars’ ise!! Nach iongantach nach dubhairt i, Mr Finlay, agus Mr Peter, mar thuirt am Bodach Gallda. Fionn. Ud a Phàruig tha thu tuille’s cruaidh air Mòir bhochd, is i air ùr thighinn dachaidh; nach ann is maith leat i labhairt beurla? Ciod a bheireadh daoin’ òg gu Galldachd idir mar togadh iad beagan dith. Mòr. Gu dearbh a dhuine is maith a dh’fhàg sibh e. Abruibh sin—tha e coltach, m’as fior esan, gun robh e cho mhaith dhuinn fuireach aig an tigh. Pàr. Cha’n ’eil fhios agam nach robh cuideachd a Bhuinneag, air dòigh no dhà—ach Fhionnlaidh, an saoil thu nach faod dàoine Beurl’ ionnsachadh gun a Ghaelic a dhi-chuimhneachadh. [TD 198] Labhradh i Beurla is neor thaing mar cum sinne rithe mar is urrainn duinn—ach is coma leam an co’thlamadh mosach, mi-chiatach a tha nis aig na h-uile fear is té air an dà chànmhuinn. Fionn. Ciod tha ris a sin, a mhic chridhe, ach an cleachda? Mòr. Ciod eile, a dhuine, ach an cleachda? An saoil sibh an amais mis’ a nis air a Ghaelic? Pàr. Cha’n amais, mo thruaighe!! Cha’n iongantach sin!! Théid an cleachda mar an dùthchas, an aghaidh nan creag. Cha’n iongantach leam idir mar a dh’éirich dhuit. Bha thu trì ràidhean air Galldachd, a’ cagnadh ablach de Bheurla—’s cha robh thu ach deich bliadhna fichead sa Ghaeltachd, a’ sgoltadh cainnt t-athar ’s do shean-athar. Ach ma chaill thusa, Mhòr, do Ghaelic, ’si mo bharailse gu’m faod thu ràdh, mar thuirt a Chailleach a h-eab a bruidhinn a chall, ’nuair a choidil i fa chomhair na gréine. “An cnochdan, an cnochdan,” ars’ ise, “gu leodach, far an do chaill mi mo Ghaelic—is far nach d’fhuair mi mo Bheurla.” Fionn. Ach cha’n ’eil fhios a Phàruig nach ’eil a Bheurla ni’s pailte aig Mòr na tha dùil agadsa. Pàr. Cha ’n ’eil fhios nach ’eil—ach chì mi gur h-ann mar is lugha tha aig daoine dhith is bitheant’ a tha i ’na gurrachdaig mhosaich an uachdar gach seanachais—dìreach mar tha’n rìomhadh gu léir air an druim—’sann mar sin a tha Bheurla gu léir daonnan air an teangaidh. Nach feuch an cluinn thu iad air feadh a chéile aig a mhaighstir sgoile; is fada m’an cluinn. Coma leat—mar thuirt an t-amadan e.* An là bhios sinn ri òrach bitheamaid ri h-òrach—’nuair bhios sinn ri maorach bitheamaid ri maorach. ‘Nuair a bhios sinn a’ bruidhinn Beurla, bruidhneamaid Beurla; ach an uair a tha sinn a’ bruidhinn Gaelic, labhramaid Gaelic. Is don’ a fhreagras ad is casag ort fein le d’ fhéile ’s le d’ osain, is ceart co mi-chiatach leam fein a Bheurl’ agus a Ghaelic a bhreachdadh air feadh a chéile. Ach leig seachad e—fòghnaidh sud dh’eth. Tiugainn a Mhòr, dìreamaid a dh’ ionnsuidh an tighe, ’s mar tuig thu Gaelic, ni ’bhean do bheatha sa Bheurla chruaidh shasunnaich is fearr a tha aice. Mòr. Bha gnothach beag agam ribh fein agus ri bràthair m’ athar an so, is o’n a dh’amais mi oirbh cha bhi mi taodhall gus am pill mi. Bha toil agam dìreach mo chomhairle chur ribh m’an ghnothach so tha mi cinnteach a chuala sibh fein a bha mi dol a dheanamh. Pàr. Dìreach—Cò b’fhearr gu fiosachd na Coinneach Odhar? Bha fios agam fein gur h-ann mar so a bhitheadh—an geall thu gu’n gabh thu comhairle? Is minic a thainig comhairle an righ a beul an amadain—’s nam biodh tus,’ a Mhòr a mhuinneag, air a chomhairle mu dheireadh a thug mise dhuit, a leanailt, bha thu’n diugh gu socrach cothromach pòsda ri * Bha amadan o shean ann an teaghlach Mhic Leoid, agus fear eile ann an teaghlach Mhic Dhomhnuill; agus chuir an da Cheann-fheadhna geall cò aig a bha ’n t-amadan bu ghòraiche. Chuireadh a thrusadh maoraich iad do’n chladach, agus chàireadh bonn òir air cloich san tràigh san robh iad. Mhothaich amadan Mhic Dhomhnuil do’n òr. Am faic thu ’n t-òr? ars’ esan, ris an fhear eile. Falbh! ars, amadan Dhun-bheagain, an là bhios sinn ri òrach, biomaid ri òrach; ach an là bhios sinn ri maorach, biomaid ri maorach. [TD 199] Eoghann ruadh, is cha’n ann mar tha ’am beul an t-sluaigh, le siochaire de Ghall lachdunn—a’d’ bhrise-cridhe do’n bhantraich bhochd is màthair dhuit; is ad’ thàmailt do gach aon a bhuineas duit. Mòr. Eoghann Ruadh! thug sibh coimeas domh gu dearbh. Gu dearbh cha’n ’eil farmad agam ris an té a fhuair e. Cha b’ ann le leithid a chìtht ’an cuideachd no ’an clachan mi. Mac an dubh choiteir. Fionn. Mac an duine chòir chneasta; ach innis so a Mhòr, Cò b’athair do’n fhleasgach so a tha d’ chois fein? Eudail b’fhada o chéile crodh laoigh ur dà shean-athar, ’s mi tha cinnteach Pàr. Cha’n’eil fhios aicese, mo thruaighe, an robh a chearc a sgrìobadh an dùnan aig ’athair, no aig a shean-athair, gun tighinn air crodh laoigh. Ach gu dearbh ma bha crodh laoigh aig ’athair, tha bhuil air-san gun do chuir iad an dìosg gu maith trà e. Is glas an neul a th’ air an deòra thruagh—dìreach mar gu’m faigheadh e ma sgaoil á priosan. Cha ’n ’eil fios an aithne dha fein cò a b’ athair dha. Mòr. Is e fein a tha mis’ a’ dol a phòsadh, is cha’n e athair no mhàthair; is ma tha esan gu maith, tha e coltach gur coma mar bha iadsan. Fionn. Seadh—an e so e’n tràs? Cha choma, Mhòr, is minic a bha laogh maith aig bò chrotaich, ach air a shon sin m’as i mart fein a tha mi ceannach, is maith leam i bhi de shìolach maith: is gu cinnteach bu tàmailte do t’ athair còir a tha sìnnt’ anns an ùir gun abradh iad ogha mèarlaich ri d’ leanabh. Cha ’n e air a shon sin nach feud an Gille bhi maith, agus de dhaoine maithe, ach gu dearbh ma tha, a bhuidheachas sin da fhein—’s cha’n ann duitse, a Mhòr. a ghabh leis gun eòlas gun aithne air fein no air a mhuinntir. Ach a bheil a bheag idir aige? Pàr. Innsidh mise dhuit mar tha sin—fhad ’s is léir dhomhsa. Tha aig ’an Umbrella rìomhach ud a tha fo ’achlais—agus a chasag odhar a tha slaoda r’a dha shlinneig, mar gu’m faiceadh tu sean aodach air stob, no air sgàth ann an eorna—agus mar thuirt an t-òran, Gun fhios a bheil na phòca Na dh’òladh a deoch slàinte. Mòr. Mar ’eil ceird no stòras aige, tha rud is fearr aige—modh is ionnsachadh, is bheir se e fein as gach cuideachd le ceòl is conaltradh. Fionn. Tha’n t-ionnsachadh gle mhaith a Mhòr, ach dh’ fheumadh an saoghal so beagan de anns na làmhaibh, co mhaith ris a cheann. Air son modh dheth—tha e gle mhaith a rithist—ach ’s minic a chunnaic mi’n duine bha maith gu thoirt fein a cuideachd, gun robh e mugha ’s maith gu chuir fein ann—agus air son ciùil deth—tha e gle thaitneach dhoibhsan a tha ga éisdeachd: ach creid thusa mise, cha ’n ’eil e ro tharbhach dhàsan a tha ga chluich—mo chreach, ’s ann agam tha fios! Pàr. Nach abair thu ’n sean fhocal, a Ghoisti. Cha mhinic a bha mòll aig sabhal Pìobaire. Ach cia air bith mar tha sin, cha ’n ’eil dùil agam gun dean am fear ud a lòn le binneas a bheòil, no gluasad a mheur am feasd. Mar dean e Drumair beag do na Volunteers, ma théid iad air an cois a rìs, cha ’n ’eil fhios agamsa ciod tuilleadh a tha air a shon—am fearagan bochd. Mòr. Falbh! cha’n ’eil dùil ag- [TD 200] am gu bheil e ’an comain ur molaidh, co dhiubh. Bha teagamh agaibhse ris na Gaill riamh. Is sibh a bha coimheach riutha. An saoil sibh nach feudar amas air duine maith idir ’nam measg? Pàr. Cha’n’eil, a Mhòr, mis anns a bharail sin. Feudar amas air daoine còir ’nam measg, agus air daoine fiachail—ach am fear a ghabhas leis a cheud iasg a thig air a dhubhan, cha’n’eil fhios nach fhaigh e dallag. Agus an té a ghabhas le fear sam bith a thig ’na tairgse, maith a dh’fhaoidte gu’m faigh i biasd—agus mar d’fhuair thusa biasd, a Mhòr—thoill thu e. Ghabh thu leis gun eòlas air fein, no air a mhuinntir. Gun chomhairle chur ri màthair no càirdean, chuir thu thu fein am beul an t-sluaigh, m’an robh thu ’m beul a Chléirich—agus ged a chi thu bean a’s clann a’tighinn air a dhéigh an ceann ràidhe, mar thachair do’n té a phòs am marsonda mòr an uraidh, ’s maith an aithrigh. Is tu fein an òinseach bhochd shocharach mar bha thu. Sin agad sin. Gabh san t-sròin no sa chluais e. Ach thoir ort, ruig an tigh—ma tha na mnathan nan àbhaist, théid iad ni’s faide ad’ leithsgeul na théid sinne. Mòr. Ma ta olc mhaith ’s mar rinn mise tha mi ’m barail nach b’ uilear dhoibh sin—is gabhaidh mi ur comhairle an fhad so, co dhiubh—gun robh maith agaibh air son ur caoimhneis. Fionn. Dh’fhalbh i Ghoisti—’s cha’n’eil i toilichte, ach bitheadh aice—rinn thu cheart chòir beagan de’n fhirinn innse dhi; ach ciod am maith a ni e—tha i nis am beul an t-sluaigh, agus cia air bith mar tha’n Gall feumaidh i bhi gabhail leis. Pàr. Feumaidh, feumaidh, cha’n ’eil ach an suaineadh an luib a chéile, ’se sin ma chi am ministeir iomchuidh sin a dhèanamh; is cha ’n ’eil fios agam cuideachd. Fionn. Ach an saoil thu a Ghoisti nach feumar sealltainn orra. Ged a bha i fein socharach ’si nighean a h-athar ’sa màthar i, is feumar cuideachadh leatha. Pàr. Nach e sin, a mhic chridhe a chomhairle bha dhì oirre. Tha teann air tuarasdal leth bhliadhna crochte ri dà chluais; ’s ciod a nis a théid ’na beul. Ach nam bu Ghille measail a bha i faotainn, cha bu ghearan sin, ge b’e ’àit as an d’ thigeadh e. Ach an siochaire beag lachdunn. ’S mòr leam ga beag e amhach circe shineadh air a shon—’s gun fhios co è. Fionn. Cha ’n ’eil atharrach air a nis, ach an dreach is fearr a chuir air a ghnothach. Ach gu dearbh ge nach àbhaist domh mo chlann a leigeil gu banais; leigidh mi’n sud iad. Ma tha mothachadh aca bheir sud an sùilean doibh. Tha mi air m’oillteachadh an leigeil as mo shealladh, gun fhios nach éirich tubaist doibh. Fionn. Ma shaoileas tu gun dean e feum trus na h-uile nighean san dùthaich ann; ach cha dean—cha’n ’eil annt’ ach na dall-chuileinean thall ’sa bhos. Ach coma—mar seall iad rompa—seallaidh nan déigh—ach tiugainn a dh’fheuch ciod a ghabhas dèanamh; ’s gu dearbh ’s beag a tha de shunnd bainns’ orm, An oidhch’ a rinn iad banais, ’Struagh nach i’n fharaire bh’ann. Pàr. Thachair e dhomh, ach cha’n ’eil àrach air. A Mhòr! a Mhòr! mo thruaighe bhochd! cha robh thu riamh san dris gus a nis. Fionn. Tha e coltach, ach mar thuirt Iain amadan c ’nuair a ghabh e air fein, Cò air a rinn thu sin? Ort fein a ghràidh. ’Si fein [TD 201] a dhìolas air, air a cheann fa dheireadh, ged a thug i tàmailte dhuinne ’sa cheud dol a mach. J. M‘L. EACHDRAIDH NA H-ALBA. 1638 Air a toirt air a h-aghaidh o’n àite ’n do stad sinn ’san àireamh fa dheireadh. B’ann an Glascho a ghairm Iarla Hamilton, le ùghdarras an Righ, air àrd Sheanadh Eaglais na h-Alba cruinneachadh chum nan gnothuichean sin a shocruchadh bha nis a dùsgadh connspoid co mòr air fead na dùthcha. Tharruing e fein do Ghlascho le buidheann lìonmhor de dh’ uaislean agus de chùirteirean bha bàìgheil do’n chreidimh Easpuigeach, agus thòisich na Cùmhnantaich ri cruinneachadh a stigh as gach céarna de’n dùthaich. Cha d’thainig duine gun chuid airm, agus ma’s iad a Chléir féin, bha ’chlaidheamh agus a dhag aig gach aon diubh. Cha do chruinnich uiread de dhaoine riamh roimhe ann an Glascho. Ged fhuair na h-Easpuigean gairm mar fhuair a chléir eile, gu bhi làthair, cha d’thàinig ach dithis diubh: bha eagal an t-sluaigh orra, agus b’ éiginn an dithis sin fein a chur fo ghlais agus fo fhreiceadan, an earalas gnn d’thugadh an sluagh droch laimhseachadh dhoibh. Fa-dheòidh tháinig an latha sin a bhios ainmeil ann an eachdraidh na dùthcha agus na h-Eaglaise;* agus chruinnich a’ choinneamh mhòr iomraiteach so. B’ ann an àrd-eaglais mhòir Ghlascho chumadh a choinneamh, ach mòr mar thà i, cha chumadh i ’n ceudamh cuid de’n t-sluagh anabharrach a bha togairt a stigh. Shuidh an àrd Sheanadh so, Iarla Hamilton an riochd an Righ, air ’àrdachadh an cathair uaibhrich, rìomhaich, a chùirteirean a’ suidhe aig a chosan. Bha flaithean àrd na dùthcha gu léir cruinn. Bha tri fichead deug ministeir (260) a làthair, agus mu’n âireamh cheudna de dh’ fhoirfich. Bha lobhtaichean àrda ceithir thimchioll na h-eaglaise, anns an robh uaislean agus maithean na tìre ’n an suidhe, agus bu shealladh an eaglais mhòr air an latha ainmeil so a b’ airidh ’fhaicinn. Cha d’rinneadh a bheag no mhòr air a cheud latha ach a’ socrachadh cò ’n fheaghainn aig an robh ùghdarras gu bhi ’nam buill de’n chomh-chruinneachadh mhòr so. Roghnaicheadh an t-urramach Maighstir Alasdair Henderson gu bhi ’na cheann-suidhe no na uachdaran do’n choinneamh. Dh’ fheuch Iarla Hamilton gach grabadh a bha ’na chomas a chur orra; a cur an céill o nach robh na h-Easpuigean ’san làthair, nach bu choinneamh eaglais’ idir a bh’ ann. Thairg e litir a thainig o na h-Easpuigean a leughadh; ach cha d’thugadh a chléir cead da. Chuireadh latha ’n déigh latha seachad ann an connsuchadh gun stà, agus ann an comhstri gheur eadar an t-Iarla agus a chléir—esan a’ seasamh suas air son toil agus câirdeas an Righ, agus iadsan fo làn rùn a’ cur ’na aghaidh. Air an t-seachda’ latha thug iad na bha mhiann orra gu buil; agus chuir iad rompa crìoch a chur air a chreidimh Easpuigeach. ’Nuair chunnaic Iarla Hamilton na bha ’n * 21st November, 1638. [TD 202] am beachd, agus nach robh ’na chomas an ceannsachadh, ’s nach deanadh connsachadh no connspoid barrachd maith, dh’éirich e gu falbh—le deuraibh air a shùilean dh’innis e dhoibh gu’m b’e a dhleasnas a’ choinneamh a chrìochnachadh agus an t-àrd sheanadh so a sgaoileadh. Thog e air, e féin agus a chùirteirean, agus dh’fhàg e ’n t-àite co luath ’s a bha ’na chomas. Dhiùlt an t-seanadh sgaoileadh—chunnaic iad gu’n robh iad air oilbheum a thabhairt mar tha do’n Righ, agus o’n bha gnothuichean mòra cudthromach r’a shocrachadh chuir iad rompa fuireach le chéile agus crîoch a chur gu dàna neo-eiseamalach air an obair mhaith air na thòisich iad. Bha ’n t-anmoch ann ’nuair a dh’fhàg fear-ionaid an Righ iad, ach fhuaradh coinnlean. Dh’éirich ceann-suidhe na coinneimh agus labhair e gu làidir, fearail. Tha sibh a nis, uaislean urramaichte agus a bhràithrean gaolach, air bhur gairm gu dleasdannas ârd—tha sibh air ’ur gairm le Freasdal Dhe chum ’ur guala chur ris an obair mhòir air ’n do thòisich sibh. Tha feum againn air còmhnadh agus air gliocas o Dhia—ach so gheibh sinn. ’Thuige so bha Dia maille ruinn, agus seasaidh e sinn gu deireadh. Tha corruich an t-saoghail a maoitheadh geur-leanmhuinn dhaoine oirn, ach bidh ar Maighstir maille ruinn anns gach téinn, agus uime sin na biodh eagal oirn. Bheir esan air gach ni comh-oibreachadh chum maith—agus a mach as an dorchadas leis a ’bheil sinn air ar cuartachadh, bheir Dia air latha dealrach glòrmhor fhathasd éiridh an Albuinn. Na biodh eagal no sgàth oirbh—deanamh ’ur dleasdannas, agus fagaibh cean-crìche na cùise ann an làmhan an Tighearna. Bithibh dìleas—bithibh seasmhach—air sgâth Chrìosd agus ar n-anma na géillibh agus na strìochdaibh. Labhair e mar so gu laidir g’ am brosnuchadh agus g’am beothachadh. Las misneach air gach aodann. Dh’éirich Flath àrd uasal, a bha ’m broilleach an lobhta, mac Iarla Mhar, agus ghlaodh e mach, “Tha’n Tighearna leibh! sheas mise mach ’n ar n-aghaidh, ach thug Dia dhomh nis mo chunnart agus mo pheacadh fhaicinn! Cha dean mi dàil ni’s faide—cha’n’eil e m’ chomas! Nuas ars’ esan a bhann naomh agus an coimh-cheangal sòlaimte chum mo làmh a chuir ris! Guidhibh air mo shon ars’ esan—asluichibh Dia as mo leith gun d’thugadh e maitheanas domh air son dearmad a chur co fada ’sa chuis!” Labhair e mar so le guth árd daingeann—bha na deòir a’ ruith sìos o ’shùilibh. Tha m’ ainm a nis ris a bhainn, agus le còmhnadh Dhe seas’aidh mi còir na h-eaglaise gus an caill mi (ma’s éiginn) am braon ma dheireadh de dh’fhuil mo chridhe! Ghrad dh’ éirich mòran de dh’ àrd uaislean na tìre bha làthair, agus labhair iad ’san dòigh cheudna. “Nach d’thubhairt mi ribh a mhuinntir mo ghràidh” arsa Henderson naomh—nach ’eil sibh a nis a’ creidsinn gu ’bheil Dia maille ruinn. ’Nuair shaoil sinn gun robh Flaithean àrd na dùthcha chum ar tréigsinn, ’sann a sheas iad sinn; gabhamaid misneach; soirbhichidh a chùis. Cha robh ’m focal as a bheul nuair thainig am Mòrfhear a b’ àirde ’san rìoghachd air ’aghaidh, an t-Iarl’ Aorach no Iarl’ Earra-ghàidheal, agus leig esan mar an ceudna ris doibh gu’n seasadh e [TD 203] ad le ’fhuil, le ’mhaoin agus le dhaoine. Ghabh a chléir an sin misneach; chaidh iad air an aghaidh agus shocruich iad Eaglais na h-Alba mar bha i ’n déigh linn Iain Knox. Chuir iad as gu buileach do’n chreidimh Easpuigeach. Fhuair iad a chùis leotha—cha robh duine làthair gu cur ’nan aghaidh, no neach gu ràdh gu’m b’olc. Air an 13th December thugadh a mach binn an aghaidh nan Easpuigean Shearmonaich an gaisgeach treun, Henderson, ceann-suidhe an t-Seanaidh, agus ghabh e mar cheann-teagaisg, Salm cx. 1. Thubhairt an Tighearna ri m’ Thighearna, Suidh aig mo dheas laimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fo do chosaibh. An déigh na searmoin rinneadh ascaoin-Eaglais air gach ball do’n chreidimh Easpuigeach. Ghairmeadh gun robh Eaglais na h-Alba nis a rithist air bonn; thogadh laoidhean taingealachd—Fhreagair seana bhallachan aosda na h-Eaglais àirde do na halleluiahs aighearach a chuireadh suas, agus sgaoil an t-àrd-Sheanadh so a b’ iomraitiche, a choinnich, no ’s dòcha, ’choinnicheas gu bràth tuill’ ann an Albuinn, “Leag sinn gu làr,” arsa Henderson “ballachan Iericho: mo thruaighe esan a dh’ fheuchas a rithist r’an togail? ’Nuair dh’ fhàg Iarla Hamilton àrd choinneamh na h-Eaglais thug e Dunéideann air; agus an déigh dha buidheann làidir shaighdearan a chur an Caisteal a bhaile mhòir sin, thug e Lunnuinn air a dh’ innse do ’n Righ mar thachair. Bha Tearlach mar dh’fheudas sinn a chreidsinn fo anabharra corruich, agus ghrad thòisich e air uidheamachadh mòr a dheanamh chum na Cùmhnantaich a chur fo cheannsal. Bha fios aige gu’n seasadh gach aon aig an robh bàigh ris an Eaglais Shasunnaich e, gu ’n seasadh na Pàpanaich gu léir e. Bha earbsa mhòr aige á muinntir Eirinn, agus as na Gaidheil fo Iarla Huntly. Gheall Righ na Spàinde dà-mhile-dheug de shaighdearan taghta dha,—ach ’na dhéigh so uile, bha e gun òr gun airgiod, agus bha’n dùthaich am bitheantas suarrach m’a dhéibhinn. Air an làimh eile bha na Cùmhnantaich làidir, treun, lìonmhor. Bha ’n cridhe ’s a chùis; bha iad dol a chogadh air son gach ni bu luachmhoire leo air thalamh, agus bu daoin’ iad a dhòirteadh am braon fa dheireadh de dh’ fhuil chraobhach an cridhe mu’n géilleadh iad. Bha ’san àm sin laoich threuna de dh’ Albannaich a bha thairis as an Rìoghachd a choisinn anabharra cliù am Flànras; agus co luath ’s a chual’ iadsan gun robh Sasunn air éiridh an aghaidh an dùthcha fein, agus a’ bagradh an creidimh Easpuigeach a sparradh orra ’dheoin no dh’ aindeoin, ghrad ghreas iad a nall. Thogadh an dùthaich agus thòisich gach aon a bh’air taobh nan Cùmhnantach air uidheamachadh a dheanamh air son latha na gaillinn a bha nis dlùth. Ghairm Righ Tearlach cogadh an aghaidh Albainn. Ghlac e gach soitheach a bhuineadh do ’n dùthaich so a b’urrainn da fhaotainn; agus chuir e roimhe teachd a nuas á Sasunn le feachd a chuireadh as do na Cùmhnantaich agus d’ an luchd leanmhuinn. Chì sinn mar dh’ éirich ’na dhèigh so—feuchaidh sinn ris an eachdraidh so air ’n do thòisich [TD 204] sinn a dheanamh co taitneach ’s a tha ’n ar comas. Be’n cogadh so bha nis a’ tòiseachadh tùs na geur-leanmhuinn chruaidh sin a rinneadh air na Cùmhnantaich naomh, anns an d’fhuiling ochd-mile-deug pearsa, an dara cuid bàs no bochduinn os cionn aon ni a’s urrainn duinn a smuainteachadh. Feadh ochd-bliadhna-fichead sheas iad a’ gheur-leanmhuinn a b’oillteala agus a b’eagallaiche—ach mar thachair do shluagh an Tighearna a sheas ’s an Eiphit, mar a’s mò dh’ fhuiling iad ’s ann bu lìonmhoire agus bu tréine dh’ fhàs iad. Bha fuil nan daoine naomh mar shìol do ’n Eaglais. Cliù do’n Ti a’s àirde as an robh an earbsa, cha do ghéill iad—sheas iad a mach—agus gus an latha ’n diugh tha ’m Preas a bha losgadh le teine, a’ losgadh fhathasd—agus cha deach’ e as. Dh’ fhuiling iad airson Dhe agus an creidimh, agus tha sinne an diugh a’ sealbhachadh toradh an saothaireach. Mu choinneamh mo shùl, far a’ bheil mi nis a’ sgrìobhadh na h-eachdraidh so, tha fhathasd ’na seasamh craobh far an do chruinnich iad ioma latha a dheanamh aoradh do Dhia, ann an garbhlach far nach b’urrainn am marc-shluagh a bha air an tòir an leantuinn. Nach buin e dhuinn cuimhne chumail orra, agus eòlas fhaotainn air an gniomharra treuna, agus an deuchainnean mòra. T. M. L. Campsie, 1831. Mu dhleasnas gach aon aig a’bheil a bheag no mhòr de mhaoin shaoghalta, an Tiomnadh a dheanamh gu tràth, ann an àm an slàinte. Cha’n’eil mearachd a’s cumanda na daoine chur dàil san dleasnas fheumail so gu àm am bàis. Is iomad call agus truaighe a tha sruthadh o’n dearmad so—Cha’n ’eil sgìreachd, feudar a ràdh, ann an Albuinn, anns nach feudar dearbha brònach fhaighinn air an ni so—mi-run eadar clann an aon athar agus na h-aon mhàthar;—agus na chruinnicheadh le cùram agus dìchioll onarach, air a chosg aig lagh. Seadh, b’aithne dhuinn clann dhaoine còir’ a chuireadh a dh’iarraidh na déirce le dearmad an athar air a cheart ni so. A’bheil Ministeir san dùthaich aig nach ’eil fios gur dearmad cumand’air a bheil mi labhairt. Cia minic, air dhoibh bhi air an gairm gu taobh leaba bàis an luchd-éisdeachd, a gheibh iad na mnathan bochd’ a’ caoidh agus a bròn, (cha ’n ann gun aobhar) nach d’rinn an companaich an tiomna deireannach—agus mar tig iad as an tinneas fo ’m bheil iad air an àm, gu’m bi iadsan agus a chlann òg fo mheachainn a mhic is sine, agus aig am bi comas, mar is tric a tha tachairt, an teaghlach bochd a sgaoileadh mar chi iad iomchuidh. ’S ann ri tuath, agus daoine ann an cothrom meadhonach a tha mi labhairt, is cha’n ann ri daoinibh mòra; cha tuit an sùilean air an duilleig so—is cha ruig ar briathran iad. Tha aobhar againn a smuainteachadh gu ’bheil mòran a’ cur dearmad ann an deanamh an tiomnaidh, o’n bharail ghòraich agus fhaoin, gu bheil e mi-shealbhar, no mi-fhortanach so a dheanamh is iad ’nan sláinte. Tha iad am barail gu ’n luathaich e am bàs. Cha ’n iongantach ged robh a bharail so coitchionn leis co cumanta ’sa tha e do dhaoinibh dàil a chur ’san dleasnas gu uair am bàis. ’Bheil ni air bith is amaidiche na smuainteachadh gu ’n [TD 205] greasadh e am bàs, an gnothaichean saoghalt’ a shocrachadh. ’An àit an Tiomnadh bhi deanta, am bàs a ghreasad, ’s e sin a bha ro thric ’na mheadhon cumhachdach gu duine a dh’fhaighinn a chuid a b’fhearr d’a thinneas, an cùram so a bhi seachad. Is iomad uair a chunnaic sinn am fiabhrus agus an iarguin fo’n robh an duine tinn a’fulang air a mheudachadh gu mòr leis an iomaguin a chuir so air a chridhe, nach robh a thiomnadh air a dheanamh. Ann an amharc m’an cuairt as a leabaidh chunnaic e a bhean a bha dìleas gràdhach dha roimhe, ’na banntraich fo mhèinn a mhic, a bheireadh a stigh ann an latha no dhà bean eile’na h-àite—chunnaic e i, ’na smuaintean, air a cur a mach air an dorus. Chunnaic e a leanabana beaga gaolach rùisgte air an ùrlar, a’ mireag gun fhios air na bha feitheamh orra. Ann an là no dha, a deir esan ’na chridhe fein, cuirear sibh a mach do bhothan bochd far a’ bheil an nochd mo chuid ghamhna; bithidh sibhse gu fuar, agus maith a dh’ fhaoidte. gu h-ocrach, a chòmhnuidh. Tha so a’ ruigheachd a chridhe—tha ’m fiabhrus air ’àrdachadh—tha fios air a chur gu fear-lagha—cha’n’eil e ri fhaotainn—tha breisleach a tighinn air; cha leig an léigh fear-lagha chòir na leapach. Cha ’n ’eil e ars’ esan, ’na urrainn labhairt mu na nithibh sin; no tha am Ministeir, no caraid, no e fein a’deanamh a thiomnaidh mar is fearr is urrainn doibh. Tha esan a’ toirt suas an deò. Tha mhac is sineadh a’ dol gu aon fhear-lagha, a Bhanndrach bhochd gu fear eile, agus a chlann og a dh’ ionnsuidh an treas fir; gheibh gach aon a chomhairl’is fearr a thoilicheas iad; agus gu lagh tha iad a’ dol. Dh’ fhalbh gach gràdh agus bàigh—am mac an aghaidh a mháthar, agus am bràthair an aghaidh na peathar; am fad ’sa tha sgillinn aca ris de’n t-saoghal, cha’n fhaigh iad ach cainnt mhilis bhlasd’, agus geallainne ârd o ’n luchd-lagha. Thig an t-Uachdaran a stigh le ’fhear lagha fein, agus air a cheann fa dheireadh cha’n’eil sgillinn a rinn an duine còir a dh’ fhalbh nach ’eil a’ dol do sporain fharsuing an luchd-lagha—agus tha am mac is sine, a mhàthair agus a chlann gu léir air an cur a mach as a ghreim a bh’aca; an t-ionad anns an robh iad gu sona socair iomad latha, agus a bhiodh ’na fhasgadh agus ’na dhachaidh shòlasaich dhoibh iomad bliadhna, ’an sealbhachadh sìth agus sàmhchair, nam biodh esan a chaochail air deanamh a thiomnaidh. Na canadh neach sam bith nach i ’n fhìrinn a th’againn; b’urrainn duinn an ainmeachadh air an d’ thainig a cheart ni so. Is minic a shaoil sinn gu’m b’ iomchuidh an ni do Mhinisteirean, ’nan cuairt o àm gu h-àm am measg an luchd-éisdeachd, cothrom a ghabhail air an dleasnas so a sparradh air muinntir na sgìreachd. Co dhiùbh bu fhreagaraiche dhoìbh fheòraich dhiubh ann an latha na slàinte, an d’rinn iad an tiomnadh, no fheòraich dhiubh ann an latha na slàinte, an d’rinn iad an tiomnadh, no fheòraich dhiubh, mar is tric leo a dheanamh, an àm suidhe ri taobh leabaidh am bàis. Cha chuir e corruich air duine còir ionraic sam bith a cheist so a chur ris—“An d’rinn thusa do thiomnadh?” Ma rinn se e, cha nàr leis innseadh. Agus ma ghabhas neach air bith mìothlachd ris a cheist, is esan a mhàin a ni sin air am bheil agartas coguis gu’n d’ rinn e dearmad air an dleasnas so. Ma ghabhas am Ministeir a chothrom fein—ma dh’ fheòraicheas e a cheist ann an cairdeas—an caoimhneas—mar [TD 206] charaid an duine, leis an áill a mhaith—is ainmig gu dearbh a thachras esan ris a ghabhas gu h-olc e: agus ged a thachradh, tha e ’na chulaidh-shòlais dha fein gu’n d’rinn e a dhleasnas. T. M‘L. OID’AIDMHEIL GAELIC. Ma bheir a’ ghall-thromp fuaim neo-chinnteach uaipe cò a dh’ ulluicheas e fein chum a chatha. POL. A Theachdaire Rùin, Aig a chuirm mhòir a rinn na Gaeil mar urram do’n Teachdaire, air an robh fìon dearg na Frainge ga òl na phìoban, agus “slàinte an ollai Leòdaich” a’ reubadh nan neul, feudaidh cuimhne a bhi agaibh gu’n do sheas Mactalla suas an làthair maithibh na cuirme, agus gu’n d’iarr e oid’-aidmheil Gaelic a thoirt d’a luchd-dùthcha. ’Se mo bheachd fein, da rìreadh, nach bu chòir sealladh a chall air an ni so. Am bheil e reusanta am feadh a ta oid’-aidmheil Laidinn againn,—cànain nach ’eil ach ainmig ’ga searmonachadh ’san dùthaich so; agus Gréigis, cànain nach eil idir ga searmonachadh an so; gu bheil a Ghaelic, a chànain lìobha, tharbhach, bhlasda, bhinn, agus a ta ’ga searmonachadh do chùig ceud mile Gael, gun oid’-aidmheil? Aon chuid, tha daoine am barail nach’eil ’sa Ghaelic ach blialum a dh’fheudas neach air bith a labhairt agus a leughadh, no, nach fiù leth-mhuillein sluaigh saothair aon duine! Air mo shon fein dheth ’nuair chluinneas mi ministeir a’ searmonachadh co-thlamadh de chànain, air leam nach peacadh dhomh snodha gàir’ a dheanamh. Cha’n’eil fada o na chuala mi aon diu ’g ràdh gu stòlda socrach o’n chrannaig, “mar fairich duine peacadh mar a gheallach (eallach) air, nach fior crìosduidh e.” Na h-abradh neach air bith gu bheil toil agamsa buille ’chur air a chléir. ’S fada uam a ghabh e; ’s ann tha mi air an taobh. ’S taitneach an ni do neach air bith a bhi suas ri cheaird, agus cò am pears’ eaglais leis an toil gach amadan a chluinntinn a’ seinn “Nuair theid thu do’n chùbaid Ni thu ùrnuigh gu gleusda; Bi’dh cuid dh’i ’na gaelic, Is pairt dh’i ’na Beurla; Cuid eile ’na H-eabhra, Na Fraingis, ’s ’na Gréigis, ’S gu’n saoil sinn gur sagart A th’againn ’ga éisdeachd!” He i ho ro! Tha fhios agam gu’n abair iomadh gu’m b’ fhearr d’ ar dùthaich nach robh focal Gaelic innte, oir gur h-i ’bheurla gheibh meas dhoibh aig baile ’s o’n bhaile. Tha mi fein’s a bharail cheudna, ach tha mi’m barail cuideachd o na thachair dh’i bhi ann, agus ministeirean ’gan cumail suas a chum labhairt ri Dia an ainm a phobuill agus ris a phobull an ainm Dhe innte gum bu choir dhoibh a bhi comasach a labhairt agus a leughadh. Ma tha ùmhlachd do thoil Dé feumail a chum sonais ar luchd dùthcha, agus ma tha eòlas air a thoil feumail m’an urrainn sinn ùmhlachd a thoirt, cha ’n urrainn sinn a ràdh gu bheil iadsan a chumas an t-eòlas so uatha a’ gràdhachadh an coimhearsnach mar iad fein. Tha fhios agam gu ’n abair cuid eile gu’m faigh a Ghaelic bàs nàdurra mar faigh sinn oid’-aidmheil. Neach air bith a their so cha chreid mi gu bheil moran eòlais aige aon [TD 207] chuid air a’ Ghaelic no air a’ghaeltachd. ’S i ’cheart argumaid a chum oid’-aidmheil uainn na ceudan bliadhna so. Gheibh an sluagh bàs, agus sin ann an staid aineolais, ach gus an leagh an teine deireannach an sliabh deireannach cha’n fhaigh a Ghaelic bàs; tha a h-ionada dìdein cho do-thoirt a mach ’s a tha iadsan a ta ga labhairt do-chìosnaichte! Their cuid gu ’bheil e feumail Eabhra, ’s Greigis ionnsuchadh a chum am Biobull a thuigsinn. Saoil mi’m bheil fhios aca so gu ’bheil e feumail Gaelic ionnsuchadh a chum Gréigis agus Laidinn a thuigsinn? Cha bhithinnsa an aghaidh do neach gach cànain air thalamh ionnsuchadh ’nam b’e ’thoil e, ach anns a cheud dol a mach tuigeadh e ’chànain anns am bheil dùil aige ’bhi searmonachadh focal an Dé bheò. Uime-sin, a Shàir, seasaibh bhur dùthaich—seasaibh a chòir mar rinn sibh riamh, agus na biodh a Ghaelic ni’s faide gun oid’-aidmheil; ’s ann tha daormainn leibideach a mhuinntir ar dùthcha a gabhail nàire dhi- ma bhios iad air Galldachd ach “tri leth-bhliadhnachan mar dubhairt iad fein, cha’n’eil smid aca! Na siadairean! ’S aithne dhomh fear a tha sea-leth-bhliadhnacha fichead air Galldachd agus cha d’ àicheidh e riamh nach b’e AN GAEL ANNS A BHAILE. GLASCHO, An t-aon mìos deug. 1830. Mu naomhachadh na Sàbaid. A Theachdaire Urramaich, An urrainn sibhse innseadh dhomh ciod a dh’ éirich do’n t-sean àithne urramaich sin “Cuimhnich là na Sàbaid a naomhachadh.” Tha sinne a leughadh ann an leabhar Ecsodus gu’n robh an àithne so air a toirt seachad le àrd-mhòrachd, agus air a naomhachadh le ùghdarras an Dé mhòir. Ach ciod a dh’éirich do’n àithne so? Am bheil i ’na codal, an deachaidh i á fasan, an deachaidh a dubhadh a mach as na deich fàintean? ’S cinnteach thachair nì-eiginn mar so m’am b’urrainn a leithid a thàir air an là sin a bhi air fhoillseachadh, oir, ged a theireadh sinn nach robh an neach a sgrìobh an àithne so air tùs na mhòr aobhar airidh, gidheach tha e réusonach a smuaineadh gu’m bitheadh aon là sonraichte air a chur air leith anns am bitheadh creutairean tuigseach a’togail am beachd ri Ard-Cheannard an Domhain. A bhàrr air a so tha e ’na ni sònraichte urramach do’n chreutair a bhi naomhachadh na Sâbaid. ’S là e ann sam feud sinn air dòigh shònraichte teachd dlùth do ’n Uile Chumhachdach agus a bhi cumail còmhradh ris an Ti sin d’am bheil ainglean ag aoradh le mòr urram. Cia naomha, glan, agus maiseach air maduinn na Sabaid a bhi tarruing dlùth do dh’ Athair air Spioraid agus a bhi faotainn dealta ùrair á tobair co-chomuinn naomha. Cia mheud de so a dh’ fheudamaid fhaicinn nan d’thigeadh luchd-aidmheil cruinn air là an Tighearna le cridheachan a’lasadh bhàrr altair na h-ùrnuidh? Nan d’ thigeadh iad o’n glùinibh o bhi cuairteachadh altair an teaghlaich, no o’n t-seòmar sa’n robh iad a’ cumail co-chomunn uaigneach le Dia gu bhi beachdachadh air ’na ionad naomha, agus a bhi air am beathachadh le saibhreas a shaor ghràis. Nach bitheadh daoine mar so a’ tarruing anail chùbhraidh na [TD 208] nèamha, agus fàileadh na Diadhachd ri fhaotainn uatha; agus a thaobh a leithid so a choimhthional, nach feudamaid a ràdh “Gu cinnteach tha an Tigheara’ ann san àite so.” Am moladh agus an aoradh, dh’éireadh suas air sgiathan creidimh agus bhitheadh iad air gabhail riu trìd an Aoin ionmhuinn. Cia mòr sa bhitheadh seirbhisich an Tighearn’ air an còmhnadh agus air an neartachadh ann an obair, agus cia taitneach sa rachadh an obair air a h-aghaidh, ann am beothachadh nam marbh—a’ dùsgadh luchd clò-chodail, a neartachadh an anfhainn—a’ toirt cò-fhurtachd dhoibhsan a tha ri bròn, agus a daighneachadh an fhìor-chreidich ann san t-slighe nèamhaidh. Ach mo thruaighe! an n’e a leithid so a tha ri fhaicinn. An áite a bhi teachd o ’n glùinibh, nach ann a tha chuid as mò a luchd aidmheil a’teachd o’n sgàthan, far an robh iad a’ tairgseadh suas an ìobairt mhaidne air altair na féin-speis agus an àite bhi feitheamh air an ionad aoraidh far an do gheall Dia coinneamh a thoirt d’a chloinn agus am beannachadh, an t-àite sin gu sònraichte far an cluinn e ùrnuighean a phobuill, agus an d’ thoir e freagradh do ’n iartasan; an dòirt e uisge airsan a tha tartmhor, agus tuiltean air an talamh thioram. An àite a leithid so nach ann tha iad a siubhal nan sliabh, an tòir air dìomhanas leis am bheil an t-anam air a thruailleadh, agus an cridhe air a leigeadh réidh ri ana-miannaibh? Nach ’eil ar sràidean, ar bailtean mòra agus beaga, agus an dùthaich gu leìr, nam fianaisean muladach air a so? Nach ’eil iad sin ’nam fianaisean air misg agus air gach uile ghne aingidheachd air an là sin, an uair tha sean agus òg a’ coinneachadh a chéile, a dheanamh follaiseach an taic air an Dia Uile-chumachdach, agus am feud sinne a bhi co amaideach agus a smuainteachadh gur esan a thuirt “Cuimhnich là na sâbaid a naomhachadh” a tha fhathast ’na àrd fhear-riaghlaidh an domhain, agus gu ’m fuiling e ’ùghdarras a bhi mar so air a thilgeadh sìos gun luchd aingeachd a smachdachadh. AM BODACH LIATH, TAOBH NA H-AIBHNE. AN T-SABAID. So co’-ainm an là san d’ éirich Criosd, Toirt buaidh air bàs ’s air uaigh, ’S a ghleidhear le luchd leanmhuinn sior, Mar chomhar’ air a bhuaidh. Mu ’se’s gu’n tug Thus’ buaidh air Bàs, Air uaigh, an saogh’l, ’s an diabh’l, Cha b’uilear ged bhiodh iolach gàir Air co’-ainm d’là-s’ an cian. Eireadh a ghrian air magh ’s air sliabh Ni’s bòi’ch’ no rinn i riamh, A’s seinneadh eòin ni’s binne ceòl Measg chòs a’s phreas fo dhion. Biodh aoibhneas air a chruinne-ché Fo èiridh dears’ do loinn, Gach creutair ta air thalamh fàs Biodh sòlasach le ’n cloinn, Bi’dh maitheas air gach ni ta fàs, A’s fàbhor air gach neach, A choimheadas, le h-urram naomh, Do là, ’s bheir gràdh do d’ theach. Seinnidh do phobull, Dhia nan gràs! Air d’là dhuit òran naomh, Bi’dh caiream anns gach tional luaidh Do bhuaidh-sa, air gach taobh. ’S àluinn do shnuadh, a latha naoimh! Bann-righ air chàch gu beachd; [TD 209] Do dhol amach ’s do theachd a steach, ’S ro àilli ann mo bheachd. ’S uasal do dhreach, a latha naomh! ’S ro chaomh do bhuaidh’n gu léir: Do chéuman àilli ’n sùil do Dhe! ’S e’n Triath bheir gràs da réir. ’S E-féin bheir beannachd a’ s bheir buaidh, ’S ni sona buan an neach, A bheir do d-shàbaid chaomh-sa spéis, ’S da réir bheir gràdh d’a reachd. SEUMAS. EILEAN THIRIDHE. Tha Eilean Thiridhe co ìosal chòmhnard ’s nach’eil e furasd’ a thogail ’s an oidhche leis na maraichean tha ’g iarraidh g’a ionnsuidh. Tha e ’na chleachda cumanta, uime sin, le muinntir an eilein ’nuair tha càirdean a mach air chuan agus dùil aca riutha, tein’ a lasadh air àite àraid air an dean am maraich’ a ghabhail. ’S iomad bàta agus sgioba a thèarnadh leis a chleachda chàirdeil, bhàigheil so. ’Se ’fhaireachadh so thug air ar caraid an Dàn a leanas a sgrìobhadh. IUL AN EILEANAICH. Bha ’ghrian ’s i air luidhe fo smal a’s fo ghruaim, Agus cuaintean a’ beuchdaich le gàraich nan stuadh; Ach tha’n t-eithear gu treun ris a’ ghaillinn a’ strì, A’g iarraidh gun luasgan gu cala na sìth. Bha dui-neòil nan doinionn a’ siubhal nan speur, A’s fearann no fasgadh do’n sgioba cha leur; Ach gun mheatachd, gun imcheist air cridhe nan sonn, Shìor ghléidh iad an gabhail air Eilean nan tonn. Deir am maraiche aosda a shuidh air an ailm, Na strìochdaibh mo ghillean, fo uabhar na stoirm! Biodh ur n-earbsa gu daingeann ’an àrd Rìgh nan Dùl, Oir dheònaich a mhaitheas na bheir soills’ agus iùl. I. M‘L. CRONAN NA CALLUINN. AIR FONN. Agus ho Mhòrag Ho ro na ho ro gheallaidh; Agus ho Mhòrag. Cha b’iad lùchairtean an dannsaidh ’Nochd a b’annsa leam bhi tathaich. Cha b’i fiodhull bheag nan teudan A chuireadh gleusadh air m’ aigne. B’annsa nuallan àrd na pìoba, Cumha tìomhaidh thig le caireal. Cha b’e àbhachdas an t-sùgraidh Thogadh an tuirse th’air m’anam. [TD 210] B’ fhearr bhi suidhe ’n cois na tràighe A’g éisdeachd gàraich na mara. B’ fhearr bhi’m fasgadh uchd na garbhlaich ’G éisdeachd tailmrich na gaillinn. Ged a tha mi ’nochd co tùirseach ’S tric bu mhùirneach mi air calluinn. A’ cur spàirne chridheil àbhach Leis na càirdean sin nach maireann. ’S iomad àite feadh an t-saoghail ’S a ’bheil laoich mo rùin ’nan luidhe. Mo chomh-aoisean geala gaolach A bhiodh aobhach air a’ challuinn. ’S coigreach mi a nochd ’san àite An d’fhuair mi m’àrach am leanabh. Dh’ fhalbh an uaisle chridheil aobhach A bheireadh aoidheachd do’n aineol. Dh’fhalbh a cheathairne bha fialaidh ’Bhiadhtaicheadh a chaora nalluig. Slàn le gillean glan an fhéile Bhiodh air chéilidh oidhche challuinn. Dh’ fhalbh an ceòl a ’s dh’ fhalbh an éideadh Dh’fhalbh an gleusdachd ’s an aighear. Gun d’fhalbh cleachdainnean mo dhùthcha. Tha mi tùrsach bhi ’ga’n gearan. Ma ’si’n t-seiche chruaidh cha bhuailear Faic i shuas air bhàrr nan sparran! Ma ’s e ’n caisein-uchd tha ’fhàile Leis an àl so nis ’na annas. Ma ’s i ’n rann ’s an guidhe càirdeil ’S ainneamh fàrdoch anns an canar. Cha b’iad lùchairtean an dannsaidh ’Nochd a b’annsa leam bhi tathaich. AOSDAN GLAS CHOIRE BHORODAIL. Uamh an t-silidh Oidhche Challuinn, 1831. Comharraidhean air caochlaidhean na sìde. An dara earrann. Anns an àireamh mu dheireadh thug sinn seachad cuid de chomharraidhean air atharraichean, no air caochlaidhean na sìde, tha beò chreutairean a’toirt dhuinn. Feuchaidh sinn a nis cuid de na comharraidhean tha lusan, luibhean agus blàithean a’ toirt dhuinn air an ni cheudna. Tha comas aig luibhean an duilleagan fhosgladh ri blàs na gréine, agus an dùnadh no ’m pasgadh ’s an anmoch. Tha luibhean eile ann a sgaoileas a mach am blàithean ’san anmoch, cuid diubh a dh’fhosglas, agus cuid diubh a phaisgeas iad mun tig an t-uisge. Le geur bheachdachadh air gluasad luibhean, feudar barail gu maith cinnteach a thoirt air atharraichean na sìde. Tha ’m fliogh* gu h-araid feumail ann am beachd thoirt dhuinn ro’n àm air caochlaidhean na sìde. Nuair tha blàth na luibhe so a’ fosgladh a mach gu farsuing, feudaidh sinn bhi làn chinnteach nach ’eil an t-uisge dlùth—fhad’s a dh’fhuirgheas am fliogh fosgailte cha ruig sinn a leas sgàth bhi oirn ro’n uisge. Ri làithean frasach chì sinn am fliogh leth-fhosgailte, agus ’nuair tha e dùinte ’s comharradh cinnteach so gu ’bheil an t-uisge dlùth. ’Nuair tha fras uisge dlùth, paisgidh an t-seamrag thrì-bhileach suas a duilleach. Tha luibh bheag dhearg† a’ fàs am measg an arbhair a chìtear gu tric ’s am fhasbhuain; ma dh’fhosglas i so a duilleach ’sa mhaduinn, feudaidh sinn a bhi cinnteach á latha tioram. Tha comharraidhean araid mar * Chick-weed. † Wincopipe. [TD 211] an ceudna r’a fhaicinn air aogas nan speur leis am feud sinn seòrsa do bheachd a ghabhail roimh làimh air atharraichean na sìde. An déigh aimsir thioram agus sìde shoilleir, ’se cheud chomharradh am bitheantas air atharrachadh, neòil gheala, thana, chìtear a’ dìreadh suas, a’ sìor fhàs ni’s mò agus ni’s dòmhala, agus a’ téarnadh ni’s ìsle—tha na neòil a bha eutrom tana a’ fàs ’nam mill mhòra—tha iad so a’ dlùthachadh air a chéile, agus tha so uile ’na chomharradh cinnteach air uisg’ agus caochladh sìde. Nuair tha na neòil gheala thana sin ’nan dosan agus ’nam badanan eutrom fada, tha iad a’ comharrachadh a mach gaoth làidir a tha ri séideadh as an àirde ris an robh ceann-caol nan neul bàna sin ag amharc. ’Nuair tha na neòil air dhath dearg ’san fheasgar, agus glas ’sa mhaduinn, tha e ’na chomharradh air latha tioram soilleir, ach ’nuair tha’m feasgar glas ’s a mhaduinn dearg, tha e ’na chomharradh air droch latha fliuch. Chì sinn ’an Soisgeul Mhata xvi. 2. gu’n robh so ’na chomharradh aig na h-Iudhaich. Am bitheantas nuair tha neòil a’ dòmhlachadh ’s a téarnadh mu fheasgar tha e ’na chomharradh air uisge. ’Nuair chuireas na beanntan àrd orra’n curraichdean-oidhche geala, tha’n t-uisge tighinn: cluinnear fuaim ciùil, fuaim cluig Eaglais mòran ni’s faid’ air astar ’nuair tha’n t-uisge dluth na air àm sam bith eile. Nuair chì sinn na neòil ag atharrachadh coslais gu tric agus gu grad air aogas nan speur; a’ falbh ’s a’ tighinn ’s còir ’dhuinn bhi deanamh deas air son an uisge. ’Nuair chitear roth mu’n ghréin no mu’n ghealaich tha e’ m bitheantas ’na chomharradh air uisge no air sneachda—tha ’ghealach gu tric air dhath geal-bhàn roimh uisge, agus dearg-ruadh roimh ghaoith àird. Tha dòruinn agus goirteas air am mothachadh gu tric ann an cnàimh bha leònta no briste, nuair tha uisge dlùth. Tha iomadh comharradh eile air a thoirt duinn le daoine tuigseach a ghabh beachd air na nithean so, ach fòghnaidh na chuir sinn sìos chum càileiginn eòlais fhaotainn air cuid de na dòigheannan leis an àbhaist leò barail a thoirt air caochlaidhean na sìde. Tha iomad sean-fhocal am measg ar luchd-dùthcha mu na comharraidhnean so, agus bhitheamaid an comain neach sam bith a chuireadh cuid diubh d’ar n-ionnsuidh, oir ’s airidh air an cumail air chuimhn’ iad—Mar a ta, “’Se ’n ceò geamhraidh ni’n cathadh Earraich.” “’Se’n aoine bhagarach a ni ’n Sathuirne deurach,” &c. GUTH O MHACTALLA. “Cha ’n ni ’nollaig ùr A tha aca ’measg nan dù-ghall, A leanas sinne, ach dùchas No dùthch’ as an d’ fhalbh sinn.” Latha-nollaig so chaidh, anns an t-sean-chùnntas, chruinnich mòran de Ghaeil Ghlascho air machair mhòr an Righ, a h’ uile fear’sa chaman air chul dùirn, agus ged thuit an oidhch’ orra cha deach an là air taobh seach taobh. Chuir iad rompa gu’n coinnicheadh iad a rìs air di-luain an t-sainnseil; agus b’ann mar sin a thachair: ma mheadon là chunn’cas a’ tighinn còrr’ a’s mìle Gael le Pìobaire air [TD 212] air an ceann agus fear a’ giùlan buideil de mhac-an-tòisich. Bu bhòidheach da-rìreadh leam fein an sealladh. Am fear air nach robh boineid bha osain bhreac’air, agus am fear air nach robh osain bhreaca bha ite an fhìrein ’na aid. Chaidh an comunn a roinn—thòisich an ùpraid, agus gu dearbh ’nuair ghabh na gillean teas cha bu nearrachd fear briogais a bhiodh ’nan rathad! Bha cho math ’s trì mìle Gall ag amharc air a chluiche, agus mòran de Ghaeil cho measail ’s a tha’n Glascho, a dh’ fhàs aon chuid ro reamhar no ro mhòrchuiseach arson ruith. Fhuair mi fein caman o fhear de na cinn-stuic, agus mar tug mi teas do’n bhall iomain thug esan teas dhòmhsa. Gach uair a rachadh am ball a thadhall ghabhta sgailc de mhac-an-tòisich, agus dh’éigheadh a phìob sith ré tamuill. Mu thuiteam na h-oidhche thainig sinn dhachaidh trom, sgìth ’s am pìobaire a’ cluiche “Soraidh o slàn do ghillean an éilidh.”—Chuir mi so chugaibh, a Theachdaire, a’ leigeadh fhaicinn d’ar càirdibh ann an tìr nam beann nach do dhì-chuimhnich sinn gu h-uile iad fathast. Tha cuid de mhinisteirean tha mi tuigsinn a’ searmonachadh an aghaidh camanachd; theagamh gur h-ann dhiu so sibhse. Cha’n ’eil fhios agam fein; ach ’se mo bheachd mar ’eil agaibh dad a’s measa na iomain ri searmonachadh na aghaidh gu bheil ’ur sgìreachd ann an deadh staid da-rìreadh. Air mo shon fein bheir e maothachadh air mo chridhe, cuiridh e tiomachd aoigheil air m’anam, agus lasaidh e gràdh nam’ inntinn do’m uile cho-chreutairean nuair chluinneas mi ann an tir chéin nuall na pìoba, òran maith Gaelic, no eadhon ’nuair a bheachd smaoinicheas mi air Glascho, 1830. MACTALLA. Am Pìobaire Gàidhealach agus na madaidh alluidh. SGEULA FIRINNEACH. Tha am madadh-alluidh ’na chreutair fiadhaich, sgaiteach, agus an cuid do dhùthchannan tha iad anabarrach lìonmhor, agus, ’nuair tha iad ocrach, gu h-araidh ’s a gheamhradh, tha e cunnartach tighinn an rathad sgaoth dhiubh. Air uairibh maith dh’ fhaoidte gu’m bi na ficheadan diubh ann an aon dròbh, agus ged nach ’eil iad ro thogarrach tighinn an rathad dhaoine, gidheadh ’nuair tha iad fada gun lòn, gun bhiadh, cha seachain iad duine. Tha e cunnartach losgadh orra; ma dh’fheudar eagal a chur orra gun a h-aon diubh a mharbhadh, ’s e dòigh a’s fearr. Thachair do dh’ oifigeach airm a mhuinntir na Gàidhealtachd e fein agus saighdear a bha na phìobaire, bhi air an turus roimh bheannta na Spàinde, a’ gabhail ath-ghoirid thairis air gual’ àrd beinne, dh’ ionnsuidh an àite ’n robh ’n t-arm d’am buineadh iad, agus shuidh iad fo fhasga craige a ghabhail greim bìdh a bha’m màileid a phìobaire. Air ball bha iad air an cuairteachadh le madaidh-alluidh a chuir suas an donnalaich bu ghràinde chual iad riamh, agus a sheas le’n craois fosgailte mu’n coinneamh a’ sìor dhlùthachadh orra, agus do réir coslais, a brath bhi’n grad shàs annta. Thilg iad beagan feòla d’an ionnsuidh agus chum iad air falbh iad car tamuill le criomain bheaga arain a bha iad a’ roinn orra; ach ma dheire cha robh greim tuille aca ri sheachnadh, agus an àite falbh, ’s ann bha na madaidh-alluidh a’ fàs na bu dàine—an t-ocras air a bheothachadh agus air fhagail na bu ghéire leis a bheagan a fhuair iad. Bha iad a’ teannachadh na bu [TD 213] dlùithe ceum air cheum air an dà Ghaidheal; fa dheireadh ars’ am pìobaire “Tha bhuam port a thoirt do na béisdean.” Séidear a phiob, ach cha luaithe thug i cheud sgal àrd na theich na madaidh, ’s mu’n robh ùrlar a phuirt seachad bha iad as an t-sealladh taobh eile na beinne. Marbhaisg air na creutairean grànda ars’ am piobaire, nam biodh fhios ’am gu’n tuigeadh iad ceòl thug mi port doibh mun do ghabh iad am biadh; ach coma cò dhiù, fhuair sinn a mach na dh’ fhòghnas doibh an ath uair a choinnicheas sinn. A Theachdaire Ghaolaich, Is fada o’n bha mhiann orm sgrìobhadh d’ur n-ionnsuidh, agus taing a thabhairt duibh airson an dìchill a tha sibh fein agus ’ur luchd-còmhnaidh a’ dèanamh air soilleireachd agus eòlas a thoirt d’ar luchd dùthcha air Gàidhealtachd, air gnàthachadh dhùthchannan eile; agus air Galldachd tha iad a’ faighinn eòlais air cleachdanna an Sìnsearra, maith dh’fhaoite air nach cual’ iad riamh iomradh mun d’fhàg iad an dùthaich. Ach a dh’innse dhuibh na fìrinn, bha geilt orm ’nuair a bha mi faicinn nan smàduinnean sgailldidh bha cuid a’ faotainn a bha co dàna sa tha mise nis; ach dh’éirich dhomh mar dh’ éirich do chù a ghobha, tha mi air fàs co eòlach air na sradan ’s nach gabh mi giorag air bith ged thigeadh cuid diubh ’nam charamh. Tha e’na chleachdadh aig daoine, agus gu dearbh ’nam bheachd fein ’s gnàthachadh cliùiteach e, gu’n gléidh an neach a tha làthair cuimhn’ air an neach ionmhuinn nach mairionn; ’s ioma dòigh anns gach linn de’n t-saoghal a ghabh daoine air so a dheanamh, cuid a’ togail fianuis air an run do’n mharbh le’n eachdraidh a sgrìobhadh, cuid le dainghnichean làidir, cuid le tùr-cuimhne stàtail, agus cuid le adhlacadh rìomhach a thoirt do’n chorp, agus leachd-lighe dhreachmhor a thogail os an ceann: aon chuid de na thubhairt mi cha’n’eil mise dol a dheanamh, ach bu mhaith leam cuimhn’ a ghleidheadh air mo charaid, agus ma’s airidh mo litir air àite ’san Teachdaire gheibhear ainm aon duine chòir ann nach fhurasda dhomh a leigeil á m’ bheachd, Calum bàn mac Iain ’ic Mhàrtuin, buachaille Thir-na-drise. ’S cuimhneach leam, agus gus an latha so seallaidh mi air m’ ais le tlachd air na làithean sonasach a shuidh mi ’n lùib a bhreacain an déigh an crodh a shaodachadh a ’g éisdeachd naigheachdan air na linnibh a chaidh seachad, agus air na daoine cumhachdach a chòmhnuich ’n ar tìr, ged a theireadh cuid gu’n robh e pailt bàigheil r a luchd-cinnidh féin. Nuair a thigeadh iad dachaidh feasgar ’sann an sin a bhiodh an trusadh: ge nach biodh aoidh ann an tigh ’s a bhaile bhiodh tigh Chalum làn; agus nam biodh neach air bith air chall, chuirte ’cheud fhios gu tigh a bhuachaille: cha robh sean no òg nach bu chompanach Calum dhoibh; sheinneadh e crònan a chumail sàmhach nam pàistean; dh’ aithriseadh e sgeulachdan do’n òigridh; dheanadh e eòlas air siachadh agus déideadh, agus theireadh luchd-sgainnil gu’m bu ghilead osain Chalum co maith sa dh’ innseadh e brìgh bruadair gruagaich no mnà tighe. Cha robh ’s an dùthaich gu léir, aon a b’ eòlaiche air sgread tàcharain no dearsa dreige, agus cha robh [TD 214] slinnein a thigeadh air a bhòrd nach sìnte dha a dh’ innse ciod a chearna de ’n chill anns am biodh a cheud tòrradh. Ghabhadh agus bheireadh Calum drama ged bhiodh e gearan air gainne ’n airgid, cha bhitheanta chunnaic mi’n spliùcan glas falamh, agus cha bu mhosach ri féar gabhail an rathaid e, am fad ’s a mhaireadh e. Latha dhuinn agus sinn ’n ar suidhe mar is minig a bha sinn, air tòrr-an-eas aig èisdeachd torman na h-aibhne agus fonn nan eun a bha seinn ’s na bruachaibh, thug Calum briosgadh as air cluinntinn nuallan na pìoba; dh’ fheòraich mi dheth ciod am port a sheinneadh, ach cha d’ thug e freagairt calg-dhireach orm, ach shin e mach a làmh. “Am faic thu” ars’ esan “an làrach ud thall fa’r comhair air am bheil a ghrian a’ boillsgeadh? sud larach bothain Gormshuil mhòr na maidhe; agus cia air bith a theireadh r’ar linn-ne mu Bhuidseachd no dà Shealladh bu mhaith do Shir Eòghan Lochiall gun robh tuilleadh agus a paidir aice ’n latha bha e dol a choinneachadh Diuc Atholl ann an Gleann-nan-dearganach. Ioma linn roimh ’n àm mu ’bheil mi labhairt, bha connsachadh eadar teaghlaich Lochiall agus Athuill mu roinn a rinneadh air fearann eatorra, agus a bha Diuc Athuill ri linn Shir Eòghain a’ smuainteachadh a bha eucorach. Chuir e fios g’a ionnsuidh a choinneachadh anns a ghleann a’ dhainmich mi, agus gun neach a thoirt leis ach a ghille. Bha Sir Eòghan gun chùram gun sgàth a’ falbh a ghleidheadh na coinneamh ’nuair a thachair Gorm-shuil air, agus le furan dh’fheòraich i dheth c’àite bha e dol gun neach d’a dhaoine ach a ghille? “Ciod a bhean bhochd ars’ esan am fàth sin innse dhuitse?” “’S minic ars’ ise nach d’rinn mo bheannachd coire do’n iasgair, agus do’n t-sealgair, agus ciod an turus dìomhair air am bheil sibhse a’ dol an diugh nach cluinn Gorm-shuil?” Dh’ innis e dhith an teachdaireachd a thàinig, agus a thurus. “Gabh comhairle” ars’ ise “agus thoir leat do dhaoine, agus na b’e ’m prasgan suarrach, mur maith libh gu’m bi fa dheur aig a mhac nach d’rugadh fhathasd air gniomharra ’n la diugh.” Chaidh a’ Chrois tàra air ball a thogail, agus cha d’ràinig a ghrian àirde nan speur ’nuair bha dà cheud fear fo’n armaibh air faiche Achnacara; leis a chomunn so ràinig e gleann na coinneamh agus dh’fhàg e iad folaichte ann am pill fhraoich, agus àithne aca gun iad a ghluasad ge b’e ni a chitheadh iad, gus an tionndadh e ’muigh an taobh a bha stigh d’a chleòca. Ràinig e aigeal a ghlinne gun neach maille ris ach a phìobaire, agus an sin fhuair e ’n Diùc agus a ghille ’feitheamh na còmhdhalach. “An d’ thàinig thu, Eoghain” ars’ an Diùc, agus air ball thug e sgal air feadaig a bh’ aige: “Ciod na daoine tha tighinn an sud?” arsa Sir Eòghan ’s e sealltainn suas taobh Athuill de’n ghleann—“Tha sud ars’ an Diùc, —————“Oisgean Athuill, “Tigh’nn a dh’ithe bàrr feòir Lochabar.” “Cha b ’e sin do ghealladh a Dhiùc” ars’an Camshronach. “Ge b’e air bith mar bha ’n gealladh, so mar tha e ’n tràs.” Thionndaidh Sir Eòghan an cleòca, agus ma thionndaidh thàinig na h-Abaraich. “Ciod na daoine tha ’n sud a Shir Eòghain?” ars’an Diùc. Tha’n sud ars’ esan “Coin dubha Lochabar A bheir an ceann a dh’òisgean Athuill. [TD 215] “Caisg do choin, Eòghain,” ars’ an Diùc, agus pillidh mise mo dhaoine.” Ma tha eagal ort airson do chuid òisgean, till iad, ach tha mo chuileinean cho tìtheach air fuil ’s nach gabh iad casgadh gus am faigh iad i, agus air ball dh’ òrduich e do ’n phìobaire am port a chluiche a chual’ e o chionn ghreis. A chlanna nan con thigibh an so’s gheibh sinn feòil. “Till do dhaoine, Eòghain,” ars’ an Diùc, “agus fàgar a chrìoch mar a bhà i,” “Cha’n’eil a dhìth orm ach mo chòir cheart,” ars’ esan, agus air ball thill e le dhaoine, agus gus an diugh tha sith air bhi eadar an dà theaghlach. Nis Ailean, arsa Calum bàn, sin am port a chuala tu, agus ’s ann uaithe sin tha’n fheòil air a luaidh ris na Camshronaich. A Theachdaire ghaolaich ’s mi ’ur caraid ùmhal AILEAN BEAG. ORAN. LUINNEAG— Air faillirin, illirin, uillirin O, Air faillirin, illirin, uillirin O, Air faillirin, illirin, uillirin O, Gur bòidheach an comunn tha chòmhnuidh ’n Srathmòr. GUR gile mo leannan na ’n eal’ air an t-snàmh, No cobhar na tuinne ’si tilleadh bho ’n tràidh, No ’m blàth-bhainne buaile ’sa chuach leis fo bhàrr, No sneachd nan gleann dosrach ’ga fhroiseadh mu’n làr. Tha cas-fhalt mo rùin-sa gu siùbhlach a’ sniomh Mar na neoil bhuidh’ a lùbas air stùchdaibh nan sliabh: Tha ’gruaidh mar an ròs, ’n uair is bòidhche bhios ’fhiamh Fo ùr dhealt a chéitein mu’n éirich a ghrian. Mar Bhenus a’ boillsgeadh thair choilltibh nan àrd, Tha mìog-shuil ’gam bhuaireadh le suaicheantas gràidh; Tha bràighe na seud ann an éideadh gach àidh, Mar ghealach nan speur ’s i cur reultan fo phràmh. Bidh ’n uiseag ’san smeòrach feadh lòintean nan driùchd ’Toirt fàilte le ’n òrain do ’n òg mhaduinn chiùin; Ach tha ’n uiseag neo-sheòlta, ’san smeòrach gun sunnt, ’N uair a thòisicheas m’fheudail air gleusadh a ciùil. ’N uair thig samhradh nan neònain a’ còmhdach nan bruach, ’S theid gach eòinein ’sa chròchd-choille cheòl leis a chuaich, Bidh mise gu h-éibhinn a leumraich ’s a ruaig, Fo dhlùth mheuraibh sgàileach a’ mànran ri m’luaidh. [TD 216] Mu bhuaidhibh sùgh feòir ann am beathachadh Spréidhe. Nuair tha feur-saidhe agus fodar gann tuigear gu ’bheil sùgh an fheòir air ’uidheamachadh ’s an dòigh a leanas ro fheumail, agus ’na chaomhnadh mòr air an innlinn an droch earrach. Gabh làn do ghlaice de dh’ fheur-saidhe agus dòirt thairis air tri ghalain do dh’ uisge goileach, cuir bòrd os ceann an t-soithich ’s am bheil e, gus an tarruing an t-uisge an sùgh no a bhrìgh as an fheur, ceart mar gum biodh tu deanamh Tea agus ’nuair bhios e fuar thoir do’n spréidh e, no do na h-eich r’a òl—agus mo thuiteas doibh a bhi gu h-euslan no fo fhasgadh tighe, feudar a thoirt doibh meagh-bhlàth. Cha ’n òl iad so a cheud uair a thairgear dhoibh e, ach na toir deoch dhoibh gus am bi pathadh orra, agus an déigh dhoibh òl aon uair cha’n iarr iad deoch eile ach so, ’s cha ghabh iad deoch eile ach so, ’s cha ghabh iad deoch eile a roghainn air. Tha e anabarrach biadhar, fallain; air son crodh bainne cha’n’eil ni a dh’ fheudar a chur mu ’n coinneamh ’sa gheamhradh is fèarr chum bainne maith a thoirt dhoibh! Tha e tarbhach mar an ceudna airson laoigh a bheathachadh agus ro mhaith airson each. Tha e ’na chaomhnadh mòr air innlinn; theid aon cheannag fheòir cho fada ’s an dòigh so ’sa ni deich air dhòigh eile. Tha’n dòigh so air a chleachdadh ’s an Fhraing agus ann an rìoghachdan eile, agus shaoileamaid gum biodh e ro fhreagarrach ann an Gaeltachd na h-Alba. Ni ’m feur an déigh a bhruiche biadh maith do na beathaichean, agus feudar beag no mòr dheth chleachdadh a réir an fheum a th’air. LEABHAR SALM UR GAELIC. Tha Salmadair ùr Gaelic air a chlò-bhualadh agus air a chur a mach o cheann ùine ghoirid ann am Paislai le Mr Alasdair Gardner, air a mhion-sgrùdadh agus air a leasachadh le cùram, agus aire, a tha ro chliùiteach, agus ionmholta dhoibhsan ris an robh a chùis ’an earbsa. ’Se da rìreadh ar barail nach ’eil salmadair anns a Ghaelic co saor o mhearachdaibh ris. Tha e soilleir gun robh an fhaicill bu mhò air a cleachdadh. Dh’ amhairc sinn thairis air le mòr thaitneachd. Tha am paipeir maith, tha na litrichean nuadh agus soilleir; agus e air fad na chulaidh thaing a leithid fhaicinn ’nar cànmhuinn. Tha fiughair againn gu’n soirbhich leòsan a chosg na h-uiread chum leabhar co bòidheach agus co coimhliont’ a chur a mach. Feumaidh sinn dàil, gus an ath àireamh, a chur ’sna naidheachdan, agus ann an labhairt r’ar càirdean lionmhor; ach tha dòchas againn gu’n gabh iad ar leithsgeul.. [TD 217] AN TEACHDAIRE GAELACH. CEUD MHIOS AN EARRAICH. XXII. AIREAMH. 1831. TROM EALLACH NA H-EIPHIT. An fhàisneachd mu thimchioll tìr na h-Eiphit. Bithidh an Eiphit’ na Rioghachd shuaraich—Bithidh i suarach seach gach rioghachd—agus cha’n àrdaich si i fein ni ’s mò am measg nan cinneach, agus ni mi tìr na h-Eiphit fàs ann am meadhon nan dùthchanna ta fàs, agus sgapaidh mi na h-Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad feadh nan dùthchannan. Imichidh slat-rìoghail na h-Eiphit seachad. Esec. xxix. 12, 13, 14, 15. xxxii. 15. Sech. x. 11. ’Si an Eiphit an dùthaich a’s ainmeala air am bheil iomradh againn ann an Eachdraidh. Anns an t-seann Tiomnadh tha’n dùthaich gu tric air a h-ainmeachadh tìr Ham, do bhrìgh gu’m b’ann le sliochd Ham, mac Noaih bha an tìr so air tùs air a h-àiteachadh. Fad roimh’ linn Ioseiph, agus linn Abrahaim bha an Eiphit ’na rìoghachd ainmeil agus chumhachdaich. Tha dearbhainnean fathast a làthair air uaill agus mòrchuis, air cumhachd agus àirde na dùthcha so, a tha dùsgadh iongantas agus neònachas gach linn. Tha oibre fathast r’am faicinn ’s an tìr sin, nach’eil an leth-bhreac air uachdar an t-saoghail. Cha’n’eil fios c’uin a thogadh iad, ’s theid mìlte linn seachad mu ’m fàillnich iad. Bha’n Eiphit ’n a Rìoghachd ni bu trâithe na h-aon eile; agus thug i bàrr ann an lìonmhorachd agus mòralachd a Rìghrean, agus ann an gliocas a feallsanach ainmeil, air gach tìr air uachdar an t-saoghail. Bi an Eiphit ârd oil-tigh an domhain—’s ann innte fhuair daoine glice na Gréige agus dhùthchannan eile am foghlum agus an eòlas. Tha e air a râdh mu dhéighinn Mhaois fèin gun robh e foghluimte ann an uile ghliocas nan Eiphiteach. Gnìomh vii. 22. agus ’se am moladh a’s àirde tha air a dheanamh mi Righ Solamh e féin 1st Righ iv. 30. Gu’m bu mhò a ghliocas na gliocas uile chloinne na h-àirde’n ear, agus uile ghliocas na h-Eiphit. Bu lìonmhoire a bailtean mòra, agus a sluagh, na aon tìr air thalamh d’a meud: agus cha robh o thaobh gu taobh de’n domhan dùthaich co torach, tharbhach rithe. B’ì Tigh-taisg an t-saoghail, anns an robh pailteas r’a fhaotainn anns gach àm. Ach mòr—uaibhreach—àrd agus urram- [TD 218] aichte mar a bha Rìoghachd na h-Eiphit, cha do bhac so Fàidhean an Tighearna o an guth a thogail, agus lom-sgrios agus truaighe na tîre so innseadh. ’S eadh, an uair a b’àirde ’n Eiphit dh’ innis iad gu ’m biodh i ’na dùthaich shuaraich, gu’m biodh i suarach seach gach rìoghachd, agus nach togadh i a ceann gu bràth am measg rìoghachdan an t saoghail. Tha fìrinn na fàisneachd sin r’a faicinn chum an latha diugh fa chomhair ar sùl. Lìonadh e an Teachdaire fad bliadhna, eachdraidh na h-Eiphit a chur a sìos, a thricead ’sa chaidh i o cheannas gu ceannas. Bha i fada fo na Persianaich, na Macedonioanaich; na Ròmanaich, na Saracenaich, agus o chionn sé ceud bliadhna, dh’éirich tràillean na dùthcha, na Mamelukes suas ann an ceannairc. Thilg iad an uachdarain gu làr agus chuir iad an tìr fòdhpa féin. Tha na Mamelukes so air an ceannach ’n an òige mar thràillean o dhùthchaibh eile. ’S iad Saighdearan na tìre. Mar tha iad a’ tuiteam no bàsachadh tha feaghain ùra air an ceannach ’nan àite: gu bitheanta o na Persianaich no na Circassianaich. ’Nuair fhuair iad so lamh-an-uachdar, roghnaich iad Righ no Pasha ’nam measg féin; agus a nis o chionn cheudan bhliadhnaichean, ’s ann o na tràillean coigreach so tha àrd-uachdarain na h-Eiphit air an taghadh. Tha nis linntean seachad o’n chuireadh an Eiphit fo chìs do dhùthchannaibh eile, agus o’n àm sin bha i ann an daorsa aig coigrich. Tha luchd muinntir na tire, gach duine thig a dh’ ionnsuidh an t-saoghail’s an Eiphit na thràill—fo chuing shaighdearan coimheach tha air an ceannach a stigh ’nan òige mar thràillean iad fèin. O chionn chùig ceud bliadhna cha robh uachdaran thairis air an Eiphit a rugadh ’s an dùthaich. Tha gach Pasha, ’se sin an t-àrd Thurcach no Rìgh na h-Eiphit, ’seadh an fheadhain a b’ainmeala dhiubh, agus na ceithir-thar-fhichead de Bheys, se sin ceannarda nan saighdearan, air an àrdachadh chum na h-inbhe sin o na Mamelukes, saighdearan na tìre, a cheannaicheadh ’nan tráillean ’nan òige o dhùthchaibh eile. Cha d’ fhuair mac fir dhiubh riamh àite ’athar;—agus an àite do’n mhac a bhi’na oighre air ’athair, na do dhuine sam bith a fhuair breith ’s an dùthaich, tha oighreachan rîghre na h-Eiphit, agus oighreachan uachdarain na h-Eiphit gu léir, air am breith agus air an togail ann an rìoghachdan eile fad’ as; tha iad air an ceannach ’nan òige, agus a’s dòcha nach robh righ riamh thairis air an Eiphit, no Pasha, no Sultan mar theirear riutha, a b’ urrainn innse cò a b’ athair dha—Cha’n iad am mic tha tighinn ’nan àite, ach an tràillean. ’S i so fìrinn anns am feudar làn earbsa chàramh. Nis èisdibh mar dh’innis Fàidhean an Tighearna so o chionn dà mhìle agus ceithir cheud bliadhna—Ni mi an tìr fàs, agus na h-uile ta innte, le làimh nan coimheach—mise Iehobhah. Agus an àit’ eile Imichidh slat-rìoghail na h-Eiphit seachad. Sech. x. 11. Agus tha e air a ràdh, bithidh i ’na rioghachd suarach, bithidh i suarach seach gach rìoghachd. Tha fear turuis * aig nach robh môran suim de fhocal Dé, a’ togail fianuis gun fhios da, air fìrinn na fàisneachd so. “’S i an Eiphit” ars’ esan “an dùthaich a’s * Volney’s Travels, vol. 1, p. 190, 198. [TD 219] suaraiche agus a’s ìsle air aghaidh an t-saoghail. Cha’n’eil Uaislean no maithean innte, no cléir, no marsantan, no tighearnan dùthcha, no Tuath chothromach; ach an aon bhochduinn a’s truaighe tha ri fhaicinn air aghaidh an t-saoghail. Na Mamelukes a’ togail gach ni ’s urrainn iad leis an fhòirneart a’s naimhdeala—muinntir na tìre fèin anns an aineolas a’s grâineala;—gun cheartas, gun tròcair, gun truacantas air a thaisbeanadh dhoibh le’n uachdarain choigreach an-iochdmhor.—Cha ’n ’eil ni aig duine rugadh ’s an Eiphit a’s urra dha a ràdh a’s leis féin. An cruithneachd, an cotan, an siùcar, agus gach ni tha iad a’ togail cha leò féin, ach leis na Mamelukes, na coigrich tha teachd a stigh orra o bhliadhna gu bliadhna ’nan tràillean o dhùthchaibh eile: cha ’n ’eil aig an Eiphiteach bhochd ach gann na chumas an deò ann de bhiadh no de theachd-an-tìr. Cha ’n ’eil diol-déirce a’ falbh na dùthcha so air ’éideadh co dìbli ris an fhear a’s fearr dhiubh. Tha iad a chòmhnuidh ann am bothain bhochda de chriath ni’s ìsle agus ni’s tàire na aon bhothan-àiridh bha riamh air Ghàidhealtachd. Anns na bothain thruagha sin tha iad air chrith le oillt, an dara cuid o na h-Arabaich no o’n uachdarain choimheach bhorba féin. Tha iad air an cur gu bàs gun cheartas gun deuchainn. Ma shaoilear gu ’bheil òr no airgiod aig a h aon diubh cuirear fios air—iarrar air a thoirt seachad: ma dhiùltas e cha’n ’eil ach a sgiùrsadh no’n ceann a ghrad thilgeadh dheth. Ma’s iad na maoir no na Saighdearan tha falbh nan Sràidean ’san oidhche, tha’n crochadair a’ falbh maille riutha le ’thuaidh mhòir fo ’achlais, agus fear na dithis ’sa chuideachd le saic aca anns an tilg iad cinn nan daoine a mharbhar ré na h-oidhche, agus cha’n fheòraichear ciod a rinn iad na c’arson a chuireadh gu bàs iad.” Tha gach euslaint a’s miosa na chéile ’san Eiphit—gach plàigh a’s tinneas a ’s bochduinn. Fiabhruis eagalach; doille, agus call nan sùl, agus iomad mìle tinneas air nach ’eil sinn eòlach anns an tìr bheannaichte so. Cha’n e idir gu ’bheil an Eiphit gun bheartas agus gun ioma ni luachmhor. Tha mòran malairt ’s an Eiphit eadar i agus rìoghachdan eile; ach cha ’n ’eil a bheag no mhòr dhe so aig muinntir na dùthcha—buinidh e gu buileach do na coigrich d’am bheil iad ann an daorsa. Nach ’eil an tìr so da rìreadh fàs fo làimh choigrich agus gach ni ta innte mar tha na fàidhean ag ràdh—nach ’eil i air a reic seachad do lamha choigreach pheacach da rìreadh? Am bheil an diugh o thaobh gu taobh an t-saoghail gu léir aon dùthaich air a riaghladh le coigrich ùra, o am gu h-àm ré cùig ceud bliadhna mar a tà i? An cualas riamh iomradh air luchd-riaghlaidh tha deanamh tràillean de’n cuid cloinne féin: am bitheantas ’gan cur gu bàs, agus a’ceannach a stigh thràilean à rioghachdan eile chur an saibhris an àirde, a’s urram a shealbhachadh. Nach fìrinneach thubhairt focal Dhe—Imichidh slat-riòghail na h-Eiphit seachad gu bràth, agus cuirear an dùthaich fo choigrich. Tha fàisneachd eile mu mhuinntir na tìre so a’s airidh air ar beachd smuainteachadh. Esec. xxx. 23, Sgapaidh mi na h-Eiphitich an measg nan cinneach agus sgaoilidh mi iad feadh nan dùthchannan. Tha’n fháisneachd cheudna agus anns na briathraibh ceudna againn a rithist anns an 26 rann. Nis is airidh air ar beachd nach’eil sluagh eile bha riamh a’ tuineachadh no ’g àiteachadh tìre tha air an sgap- [TD 220] adh feadh an t-saoghail, taobh mach do na h-Iùdhaich, ach na h-Eiphitich. Tha iad so sgapta feadh gach tìre air aghaidh an t-saoghail. Tha iad ’nan cuideachdan lìonmhor anns gach cearna de’n Roinn-Eòrpa: Tha na mìltean diubh an Sasunn o linn gu linn; agus tha iad gus an latha diugh air leth o mhuinntir na dùthcha. Tha iad truaillidh, tarail, suarach, peacach, aingidh os cionn gach sluaigh eile, ag àiteachadh mhonaidhnean farsuing, uamhachan dorcha, tighean fàs; ’nan ceairdnean luaineach iad féin, ’s an clann ’nan allabain bhochda thàrail: cànmhuinn aca dhoibh féin, agus aithnear air an coslas iad. Cha do ghabh iad fathast ri Creidimh na tìre so ged tha iad os cionn tri cheud bliadhna innte, agus ceart mar tha iad an Sasunn tha iad anns gach dùthaich ’san Roinn-Eòrpa. ’Se ainm an duthcha féin tha iad a’ giùlan na Gipsich*, seorsa do dh’ aithghearra focail an àite Eiphitich. Nis, feòraicheamaid am bheil ni sam bith a’s iongantaiche na coimhlionadh nam fàisneachd sin gu léir, mu thimchioll tìr agus muinntir na h-Eiphit? Cò ach Dia a b’ urra ’fhaicinn mìlte bhliadhnacha mun do thachair e? Dh’ innis Isaiah, Eseciel, Sechariah, agus fàidhean eile so uile o chionn dà mhìle agus ceithir cheud bliadhna, agus an diugh tha fìrinn am briathran soilleir fa chomhair ar sùl. Rê dà mhìle blìadhna bha Righrean aig an Eiphir de a daoine fein, ach ann an àirde a glòir dh’ innseadh gu’n imicheadh an t-slat rìoghail air falbh aisde, agus gu’n d’ thigeadh an t-àm anns nach biodh Rìgh Eiphiteach tuille aice; gu’m biodh i fàs fo làimh nan coigreach, agus gu’m biodh i suarach am measg nan Rìoghachdan. Nach ’eil comhlionaidh na fâisneachd so ’na dhearbhadh làidir air fîrinn focail De? Dh’ fheuch an duine mòr, uaibhreach sin, Buonaparte, àrd uachdaran na Frainge, an tìr so chur fo dhaorsa dha féin, agus bha e’na bheachd Rìoghachd mhor a dheanamh de’n Eiphit; ach chaidh so ’na aghaidh: phill e dhachaidh le támailt agus le call, agus tha’n Eiphit mar a bha i. Cha robh ’n Eiphit co àrd o chionn iomad linn am measg nan rìoghachdan ’sa tha i air an àm so fein: Cha’n ’eil so a cur an aghaidh fìrinn na fàisneachd. Tha i fathast fo choigrich. Tha iomad ni air innse m’a dèighinn nach ’eìl fathasd air a choimhlionadh. Tha e air a ràdh ’nuair a philleas na h-Iùdhaich do’n dùthaich fèin gu’n iarr iad còmhnadh agus gu’m faigh iad cobhair o sgàile na h-Eiphit, ’Se sin ri ràdh, bithidh cumhachd ’s an àm sin aig an Eiphit, bithidh e ’na comas cuideachadh le sluagh Dhe, ach ’na dhéigh sin uile cha bhi innt’ ach sgáil no faileas air an Eiphit mar a bha i. Mar tha, chunnaic sinn an sgrios a thainig air Babylon, air Ninebhe agus air an Eiphit, na dùthchannan air an d’ rinneadh geur-leanmhuinn air na h-Iùdhaich, sluagh Dhe. Thainig sgrios anabarrach orra agus thaisbean Dia a chorruich gu mòr, ’nan aghaidh. Ach tha muinntir na h-Eiphit comharraichte air son gach gnè pheacaidh agus Iodhol-aoraidh agus aingidheachd agus uamhas. Air aghaidh an t-saoghail cha robh sluagh bu mhiosa ’s bu chiontaiche na iad. Thug iad bárr air gach sluagh ann an droch-bheart, agus bhagair Fàidhean an Tighearna an sgrios, agus mar thubhairt thachair. Seasaidh briathra Dhe. Co ’s urra cur ’na aghaidh. * Gypsies. [TD 221] ’S fìrinneach cainnt an duine ghlic—Righ Solamh, “Ardaichidh fìreantachd cinneach; ach ’se ’m peacadh masladh sluaigh air bith.” T. M‘L. Campsie, 1831. EACHDRAIDH NA H-ALBA, Air a toirt air a h-aghaidh o’n Aireamh fa dheireadh. Bha’n cogadh eadar Sasunn agus Albuinn, nis do réir coslais, air tòiseachadh; agus bha gach uidheamachadh air a dheanamh taobh air thaobh a bha comasach. Chuir Tearlach Righ Bhreatuinn roimhe gu’n d’thugadh, e air na Cùmhnantaich strìochdadh a dheòin no dh’aindeoin; agus chum na crìche so, thog e armailte chumhachdach chum teachd a nuas; agus làmh-an-uachdar fhaotainn orra. Cha robh na Cùmhnantaich air deireadh anns gach dìcheall a bha ’nan comas a dheanamh. Thòisich iad air feachd mòr a chur air bonn, air feadh na Rioghachd.—Ghairm na Morairean àrd a bha dhiubh a mach an cuid daoine, agus thogadh an dùthaich. Thugadh ceannas an aìrm do Shaighdeir urramaichte, (ge nach robh ann, ri amharc air, ach sìochaire bochd crotach) b’e sin Alasdair Leslie; a choisinn anabharra cliù le theòmachd agus le ghaisge, ann an cogaidhean na Gearmailt. Thog na Cùmhnantaich ôr is airgiod air feadh na Rioghachd; cha robh cearna, baile mòr, no sgìreachd anns nach robh ministirean treuna deas-chainnteach, dùrachdach a’ labhairt as an leth, agus a dùsgadh na Dùthcha chum seasamh leo. Thug aon mharsant’ ann an Dun-eideann dlù do dhà mhìle dheug bonn òir dhoibh ann an iasad—agus chuir Rioghachdan air tìr-mòr na h-Eòrpa a nall airm a chòmhnadh leo. Cha robh ni bha’m beachd an Righ air nach d’fhuair na Cùmhnantaich fios. Bha gillean Albannach aige na sheirbhis air an àm, agus tha e air aithris gu’m b’ àbhaisd doibh a litrichean a rannsuchadh, agus a leughadh, an déigh dha dol a luidhe; agus dùblachadh dhiubh a chur a nuas a dh’ Albuinn chum an càirdean. Mar so fhuaradh a mach gach ni bha ’na bheachd; agus thuig na Cùmhnantaich gun robh e ri feachd mòr a chur a nuas air Cabhlach mòr a bha r’an cur air tìr ann an Lìghte, no co dlù dha ’sa b’ uarrainn dhoibh.— Cha luaithe chaidh an t-iomradh so a mach na dh’ éirich an dùthaich mar aon duine. Cha robh port-luinge, no caladh air gach taobh de’n chaol a tha fosgladh a mach á Lìghte nach robh air a dhaingneachadh gu làidir—gu h-àraidh Lìghte fein. B’e ’m baile so iuchair Dhuneideann—agus cha robh dòigh a bha comasach nach d’ fheuchadh chum an iuchair so a chumail á lamhan nan Sasunnach. Chruinnich sluagh na dùthcha fad astair mhòir chum Lìght’ a dhaingneachadh.—Thòisich an obair le cridhealas—le dealas—le dùrachd agus misneach mhòr. Cha bu tàmailte leis na h-Uaislean a b’ àirde san dùthaich, le Morairean aosda, agus Flaithean òga, a bhi air am faicinn a saothaireachadh san obair so. Bha na mìltean ’an sàs. Cha deachaidh stad san obair a là na dh’oidhche. Cha’n fhacas sealladh riamh ann an Albuinn, maith a dh’ fhaoidte, cosmhail ris. Agus is dòcha nach faicear. Bha uasal agus iosal— [TD 222] maighdeannan àrd is mnathan uasal aosmhor liath—bha lag agus làidir, bochd agus beartach, a’ saoithreachadh an so, an dara cuid le’n lamhaibh, le’n airgiod—le’n lòn, no le’n cainnt a’ brosnachadh càch a chéile. An ceann seachduin a dh’ ùine bha’n obair crìochnaichte; dhaingnicheadh Lìghte air dhoigh a dh’ fheuchadh ri Tearlach buadhachadh na aghaidh, no a shaighdeirean a chur air tìr. Na dhéigh so ghlac na Cùmhnantaich a chuid bu lionmhoire de Chaistealan làidir na Rìoghachd; agus chaidh ac’ air so a dheanamh gun a bheag de fhuil a dhòrtadh. Mar so ’an ùine ghearr chuir iad Albuinn gu buileach fo cheannsal, ach fearann Mhoirear Huntly san taobh-tuath, agus cuid de chearnaidh iomallach na Gàidhealtachd air nach d’ fhuair iad ruigheachd. Bha san àm sin Flath òg, eireachdail, co treun, mhisneachail, thogarrach, churanta, ’s a dh’ àraich Albuinn riamh, an déigh èiridh leis na Cùmhnantaich, ged a chì sinn gu’n do thréig e iad na dhéigh sin;—B’e’n t-ard Uasal so Iarla Mhontrose, air an cluinn sinn ni’s leòir m’an tig an Eachdraidh so gu deireadh. Chuireadh am Flath so mu Thuath a smachdachadh Huntly, agus nan tighearnan eile san dùthaich sin, a bha fathasd a’ seasamh a mach an aghaidh a Chùmhnainte Naoimh—agus cha b’fhada gus an d’ thug e air Aberaidhean agus air Huntly géilleadh dha. Phill e do Dhuneideann le Huntly aige na phriosunach, ged is éiginn aideachadh nach ann air an dòigh a b’ onaraich’ a rinn e priosunach dheth—oir gun teagamh bhrist e gu nàr a ghealladh dha. Air latha Bealltuinn 1639, chunnacas an Cabhlach Sàsunnach a’seòladh a stigh do Lìghte—Bha ochd loingeas thar fhichead ann, agus b’e’n t-iomradh gu’n robh cùig mìle saighdear air bòrd orra. Bha ’m feachd fo cheannsal Iarla Hamilton, Albannach e fein, ach na charaid seasmhach do’n Righ, agus do’n chreidimh Easpuigeach. Thainig an Cabhlach mòr gu achdair fo chomhair Dhuneideann—Cha luaithe mhothaicheadh dhoibh, na bha na mìltean de Ghaisgich churanta cruinn—Bha na Morairean àrd; an Tuath; an Gillean; an Luchd-lagha; Ministeirean; agus Marsandan; na h-uile duine aig an robh cridhe no claidheamh, bha iad a mach; Thug iad orra, mar aon bhuidheann, an tràigh, gach fear fo armachd; Alasdair crotach Leslie air an ceann, agus Bàs no Buaidh; an Uaigh no Saorsa am beul gach seòid. Ach cha b’iadsan a bha comasach air claidheamh a tharruing agus iomairt, a chaidh amhàin a mach. Lean na mìltean iad. Chaill na mnathan fein an gealtachd—is cha’n fhòghnadh leo gun an tràigh a thoirt orra a bhrosnachadh a chatha. Anns an t-sluagh mhòr so bha aon Bhaintighearn aosda àrd-uasal a’ marcachd air falaire mheamnach, àrd-mhuingeach, a’ siubhal o àite gu h-àite, a’ brosnachadh an airm. Bha gach sùil oirre—agus anns gach àite sam bitheadh i, chluinnte iolach an t-sluaigh ’cur fàilte oirre. Bha dag aic’ air gach taobh d’a crios; “Sud agaibh,” ars’ise ’si ’g amharc air, “luingeas feachd Shasuinn, fo Iarla Hamilton, a tha cogadh an aghaidh saorsa agus creidimh na Dùthcha a thog ’s a dh’ àraich e.” Is mis’, a deir a Banaghaisgeach, mâthair an Iarl’ ud—agus ma tha dhànadas aig’ a chos a chur air tìr, ann an naimhdeas ri Albuinn, ’sann [TD 223] leis an laimh a chum a chioch ris a loisgear na aghaidh a cheud urchair. Ach an uair a chunnaic an t-Iarla Hamilton an t-uidheamachadh mòr bha air a dheanamh, agus an sluagh lìonmhor a bha ’feitheamh air, ’sa thug e fainear an t-arm dìblidh, bochd, suarach a bha aige, nach do tharruing claidheamh ri uchd nàmhaid, na chaill e mhisneach, tharruing e loingeas o’n chladach, ach champaich e a dhaoine air Eilean Cholm agus air Eilean Cheith. Dh’ fhàg Righ Tearlach Sasunn air ceann armailt co lionmhor ’s a b’urrainn da chruinneachadh, agus thug e criochan Albuinn air. Chuir na Cùmhnantaich iad fein ’nan uidheam chum coinneamh a chumail ris. Chaidh Montrose mu thuath a ris a cheannsachadh agus a chumail air an ais nam fineachan tuathach a bha togradh éiridh as leth Thearlaich, agus a chreidimh Easpuigeach. Ghlac e baile Abaireadhain a ris, agus thog e cis mhòr no creach dheth, a thug e d’a chuid airm. Thug an t-arm Albannach orra ’an còdhail an Righ, cùig mìle fichead fear fo cheannas Alasdair Leslie; daoine co togarrach fhoghainteach ’s a tharruing riamh claidheamh; ’Nuair bha iad mar asdar latha do Shasunn stad iad, agus champaich iad air Dùn àrd uaine dlù do Bhaile Dunse, àite ro chomharraichte, as an robh sealladh farsuing ac’ air an dùthaich m’an timchioll. Bha feachd Shasuinn san t-sealladh, taobh eile na h-aibhne a tha roinn na dà dhùthcha; agus cha robh car a chuireadh an dara arm dhiubh nach faiceadh an t-aon eile. Theagamh nach robh campa shaighdeirean riamh cosmhuil ris an aon so; agus is airidh innse mu dhéighinn. Tha an Dùn air an do champaich iad aig éiridh suas ann am meadhon tìr ìosail réidh—tha e uaine, bòidheach gu mhullach. Air a mhullach tha lagan uaine, agus air a chòmhnard sin bha Bùithean nam Morairean agus nam Flaithean a b’ àirde bha sa champ. Bùithean àrd rìomhach eireachdail—a bha ri’m faicinn o fhad agus o leud na tìre Dlù dhoibh so bha bùithean nan uaislean agus nan Cinn-fheadhna a b’ fhaisge dhoibh. Nan sreith fo bhile an Dùin agus fòdhpa sin a rìs an t-arm, nan sreithibh ôrdail riaghailteach, ann am bùithibh beaga mar gum bitheadh bothain àiridh ann. Aig dorus Bùth gach ceannard-ceud bha bratach na cuideachd a’ snàmh ’sa ghaoith, suaicheantas na h-Alba oirre ann an sioda agus an òr, agus na focail chudthromach so sgriobhta ann an litrichibh mòra air gach aon diubh, AIR SON CHRIOSD, AGUS AN COIMHCHEANGAL NAOMH. Dh’ fheudt’ a râdh ma bha Camp Criosdail riamh air thalamh gu’m b’e so e. Bha sìth, càirdeas, agus réite eadar gach duine. Bha àrd agus iosal, le’n uile chridhe sunndach, àrd-thogarrach sa chogadh a thug a mach iad. Bha na h-uaislean a b’ àirde inbh a’ fulang gach ana-cothrom agus cruadal, co maith ri’n Gillean—agus ’se gràdh agus gean-maith, is càirdeas a chum smachd, ’s cha b’e sgiùrsa no laghanna airm. Bha’n aon chomhdacha cinn air gach duine, boineid leathann ghorm, le dos no babag de riobain gorm air a mullach, agus a h-aon eile crochta r’a taobh. Bha na Ministirean sa champ mar bha daoin’ eile—fo’n armachd—le ceannas ac’ air na daoinibh chaidh mach leo. Gach [TD 224] madainn agus gach feasgar bha Searmoin—Chruinnich iad le fuaim na druma—agus cha robh duine a dh’ fhuirich air ais. Bha fuaim Shalm, urnuigh, agus leughadh nan Scriobtuire ri chluinntinn sa champ fad an latha—Thuig iad gun robh iad fo ainm dol a chogadh airson an creidimh, an saorsa, agus an dùthaich—air son gach ni a bha luachmhor leo air aghaidh an t-saoghail. Thug so fonn spioradail doibh. Bha ’n Tighearna leo; dh’ fhairich iad mar gu’m bitheadh a chairdeas a’ dealradh air an anamaibh, agus dòchas àrd gu’m beothaichte iad chum a chòmhraig ris an robh sùil aca. Cha robh dìth no deireas orra. Bha am pailteas aca de gach ni—aran cruineachd, nach do bhlais mòran diubh riamh roimhe sin, agus gach ni a b’urrainn doibh iarraidh. Bha sè sgillean san latha aig na Saighdeirean, ach cheannachadh iad uan reamhar air an àm sin air son sgillinn shasunnach, air chor ’s nach robh fàth talaich aca, no togradh sam bith gu pilleadh dhachaidh. Cha b’ann mar so a bha Camp an Righ—cha robh ach gearan gainne agus gort—mòran a teicheadh dhachaidh gach oidhche; agus eagal an cridh’ orra gum biodh na Cùmhnantaich nan badaibh a h-uile mionaid, Chunnaic an Righ nach robh earbsa ri chàramh annta. Fhuair e cunntas anabarrach air neart, eud, agus misneach nan Albannach. Leig a uime sin fios d’an ionnsuidh gun robh toil aige sìth a dheanamh riu, Gu’n robh leisg air guil a dhòrtadh—gu’n d’thugadh e maitheanas doibh, agus iad a philleadh dhachaidh. Leig na Cùmhnantaich fios da, nan tugadh e saorsa creidimh dhoibh—nan gealladh e nach oidhirpicheadh e an creidimh Easpuigeach a chur air bonn gu bràth tuille san tir. Nan tugadh e cead do’n Pharlamaid aca, agus do Ard-sheanadh Eaglais na h-Alba, cruinneachadh, agus gach cùis a bha eadar iadsan agus e a shocrachadh, gu’n sgaoileadh iad dachaidh—gu’n tugadh iad suas d’a air an ais gach Caisteal agus daingneachadh a ghlac iad; gu’n sgaoileadh iad an t-arm; agus gun tugadh iad dhà an ùmhlachd sin a bha dligheach agus ceart, mar iochdarain dhleasdanach agus thairis. Chomh-aondaich an Righ—agus ghairmeadh sith anns gach Camp. Cha robh gealladh an Righ ach cealgach; cha robh e ’na bheachd seasamh ris—ach cha robh comas aig na Cùmhnantaich air. Sgaoil iad air an àm taobh air thaobh. Ach cho robh an t-sith tholgach so ach gearr mar chì sinn ’an ùine ghoirid. T. M‘L. Leanaidh sinn an Eachdraidh so san ath Theachdaire. COMHRADH NA CEARDACH. An Gobhainn—an Marsanta mòr, agus luchd-dùthcha tha gabhail fasga ’sa Cheardaich:—am maighstir-sgoile dlùthachadh air an dorus. Gobhainn. Tha e fein a’ tighinn ann an so, agus cluinnidh sinn cia mar tha chùis. An duine gaolach ’se nach mealladh sinn. Thigibh a stigh, fhir mo chridhe, thug na clacha-meallainn fead oirbh. Mai. Sg. Theab iad na sùilean a chur asam. [TD 225] Gobhainn. Ma ta bu mhòr an diùbhail sin—’s iomad aon d’am bheil iad a’ deanamh sochair: B’ fhearr gach dara duine ’san dùthaich a bhi cam na am Maighstir-sgoile bhi dall. Cò’n sin a leughadh na Paipeirean-Naidheachd, agus a sgrìobhadh ar litrichean. M.Sg. Air son na tha do naidheachd, a’ falbh air an àm, cha bu mhòr an call; ach cha b’iongantach leam ged robh naidheachdan aguinn an ùine ghearr. Gobhainn. An saoil sibh a’ bheil coslas cogaidh air an t-saoghal. Ciod tha na Russianaich a’ deanamh? Tha mòran de’n iarunn a’s fearr tha againn a’ teachd o Russia. Tha dòchas agam nach d’ theid iadsan gu cogadh. M. Sg. Cha’n fhaodar àicheadh nach’eil neòil dhorcha bhagarrach a’cruinneachadh ’san airde Tuath, ach ’s dòcha gu’n sgaoil iad: a dh’aon chuid cha’n ’eil dùil agam gu’n d’theid sinne ’san eadraiginn. Gobhainn. Ciod so an losgadh ’s am bristeadh air muinnlean ’s air acfhuinn innleachdaich, ealanta, tha falbh le neart deathcha, tha daoine nis a’ deanamh ann an Sasunn? Tha’m marsanta mòr an déigh teachd dhachaidh á Paisley agus tha cheann co làn do ghnothuichean ùra ’sa tha mhàileid. Ma tha’n fhìrinn aige-san tha gnothuichean mòra ’tòiseachadh gu luath mach air Galldachd. Cha’n ’eil mise tuigsinn gu ro mhaith gach gnothach air a ’bheil e tighinn, ach tha ùpraid mhòr air na Gaill mu laghanna ùra, ’s mu Phàrlamaid ùr, ’s mu mhòran atharraichean, tha, c’aimn so e, Reform ri thoirt mu ’n cuairt, ar-leam gur e sin is ainm dha. Ma ni e’n dara leth ’sa tha’m Marsanta mòr ag ràdh b’e leigheas gach creuchd e. Tha e ris an Rìoghachd ath-ùrachadh—ri cosnadh, pailteas a’s saorsa thoirt do gach duine ’san tìr: ach ma’s e Reform tha toirt orra na beairtean ’s na muinnlean mòra losgadh an Sasunn, cùl mo làimhe ris. Cha’n fhaic mi cia mar tha leithid sin airson maith na Rìoghachd. Mars. Cha’n ionann idir an dà ghnothach,—ged tha mòran am barail gu ’m bheil an dara ni co feumail air son maith na Rìoghachd ris an ni eile. M. Sg. Seadh, a bhobuig, cia mar tha iad ’ga dheanamh sin a mach?—Gu ’bheil e chum maith na Rìoghachd gach acfhuinn agus innleachd tha toirt beartas a’s òr a stigh o gach cearn de’n t-saoghal a losgadh agus a bhristeadh? Mars. Tha e soilleir, ged tha na h-oibrichean mòra sin a’ deanamh anabharra beartais do chuid a dhaoine, gu’bheil iad a’ toirt cosnaidh â lamhan an t-sluaigh; a’ cur nam mìltean nan tàmh, agus leis a so a’ toirt anabharra bochduinn air an dùthaich. Tha cuid de na beairtean mòra sin, no na muinnlean mòra sin tha falbh le cumhachd deathcha, a’figheadh barrachd ann an aon seachduin na dheanadh ceud figheadair ann am mìos; agus fòghnaidh balachan no dhà agus dithis no triùir a dhaoine dhoibh air fad. Nach ’eil muileann ann air son a chruineachd a bhualadh, tha falbh le uisge, agus eich, a ni barrachd oibre ann an latha, na dheanadh fichead sgalag leis a bhuailtean. Nach ’eil so uile toirt a chosnaidh o dhaoine bochda—’ga’n cur ’nan tàmh, ged tha iad gun teagamh sam bith a’ cur beartas ann am pòca ioma duine mòr saibhir. Gobhainn. An t-urram do dh’ fhear na màileide, nach e’n gille ’m marsanta mòr, ach coma cò dhiù, cha’n eil innleachdan no beartas de’n t-seòrsa sin againne [TD 226] ’s a Ghàidhealtachd ach soitheach na Smùide—’s ma loisgeas sinn ise cha bhi againn ach na h-aiseagan a ghabhail mar a b’abhaist duinn. Ma. Sg. Tha iomad beairt agus innleachd againn thug cosnadh o na daoine bochda, agus ma ghabhas sibh comhairle a mharsanta mhòir ’s còir am briste. Tha aon innleachd bheag sheolta ann a rinn mòran cron do chosnadh—’se sin an Crann-araidh—a bheairt-threabhaidh—nach ioma duine chuir i o ruamhar. Tha bhuainn a losgadh agus an caibe biorach ’s a chas-chrom a ghabhail a rithist; ach ’s innleachdan iad sin fein: Cha robh aig daoine ’n tùs ach an corragan, an crògan ’s an ingnean. Sud innleachd eile chuir ioma cailleach bhochd dhìchiollach ’na tàmh—na muinnlean. ’S còir an grad bhriste, agus gheibh gach cailleach ’san dùthaich cosnadh le brà eadar a dà ghlùn, a’ bleith mar a b’ àbhaist doibh o chionn fhada. Loisgeamaid na buailteinean ’s deanamaid gradan—loisgeamaid na cuibhleachan ’s gabhamaid a chuigeal ’s an fhearsaid—ach ’s innleachdan iad sin fein—loisgeamaid iad gu buileach, ’s cuiridh a h-uile fear air bian féidh, no earba, no sionnaich, no gaibhre, mar a b’àbhaist leis na daoine o’n d’ thàinig sinn—loisgeamaid gu grad màileid a mharsanta mhòir, oir sann le innleachdan a rinneadh gach ni a th’ aig’ innte. Gobhainn. Neor’ thaing mar ’eil sibh ’ga losgadh gu cùl a dhroma—ach gabhadh e sud. Mars. Cha’n ’eil mise tighinn air a leithid sin de innleachdan feumail—ach sud tha mi labhairt mu na muinnlean mòra—na h-oibrichean mòra tha mach air Ghalldachd tha cur nam mìltean ’nan tàmh. Ma.Sg. Tha mi ’g ad thuigsinn—’s aithne dhomh a h-aon diubh—’se sin an dòigh tha aca air leabhraichean a chlò-bhualadh, seach a bhi ’gan sgriobhadh mar a b’ àbhaist doibh le pinn. So an aon acfhuinn a’s miosa ’s aithne dhomh. Tha e a’ deanamh uiread oibre ’n Glascho féin ’sa chumadh gach duine ’s a bhaile mhòr sin (agus O! ’s lionmhor iad) a’ sgrìobhadh o thoiseach gu deireadh na bliadhna. Tha mi eòlach air aon leabhar a thainig a mach air a bhliadhna dh’ falbh. Ghabh e sgriobhadair co ealanta ’s a tha’n Glascho còrr maith thar bliadhna aon dùblachadh dhe a sgrìobhadh. Thig maith dh’ fhaoidte dà mhìle dhe a mach—Ghabhadh e leis a sin dà mhîle cléireach fad bliadhna an aon leabhar sin fein a chur a mach, agus chosdadh e dlùth do cheud bonn òir, an àite fichead sgillinn shasunnach, an t-suim air am bheil iad ’ga reic. ’Sann mar sin tha gach beairt eile. Tha aon obair mhòr chotain fo chumhachd deathcha, a’ deanamh barrachd oibre ’s a dheanadh mìle figheadair; agus an lorg so tha mìle bean a’ caitheamh aodach cotain, air am biodh a chùrainn mar bhi iad. Mar bhì na muinnlean mòra sin cha bhitheadh tusa siubhal na dùthcha, ’s cha mhò bhiodh currachd co gheal, àluinn, a’s deise co rìomhach air bean a ghobhainn air latha féille no Dòmhnach. Tog, a mharsanta mhòir do t-amaideachd s’ na bi cur faoineis a’s breugan an cinn dhaoine còire; tha thusa’s do leithid a’ deanamh mòran coire le’r foghlum Gallda—bu chòir ’ur bogadh ann an lub nan gèadh airson ’ur baothaireachd. Gobhainn. Cuir sud a’d’ mhàileid, fhir mo chridhe, ach o’n thuit dhuinn a bi tighinn thairis air gnothuichean de’n t-seòrsa sin nach innis sibh dhuinn ciod is ciall do’n Reform so tha ann am beul a mharsanta mhòir agus a [TD 227] leithid. Tha e ’g ràdh gu bheil atharrachadh mòr ri bhi air a Phàrlamaid—gu bheil dòigh ùr r’a ghabhail air daoine thaghadh air son dol a stigh—gu’m bi vote no guth-taghaidh agamsa agus aig Alasdair mòr, ’s Maol-moire ruadh ’s a h uile duine eadar dà chloich na dùthcha. Nach sinn a bhiodh uasal! togail òirnn gu ceann-bhaile na Siorramachd, Fionnla Pìobaire air ar ceann—fheara’ ’sa ghaoil nach ann an sin a bhios an othail; ’sioma fear a sheinneas an t-òran “An d’ thoir tha dhomh do bhriogaisean a dhol a dh’ Inbheraora.” Mars. Bi thusa magadh, ach cha’n’eil an latha fad’ as—dhùisg na daoine, seasaidh iad an còir féin ’s bu mhithich dhoibh sin—tha luchd-comhairle ùr aig an Righ agus gheall iad vote no guth-taghaidh do gach duine tha os cionn bliadhna thar fhichead a dh’ aois. M. Sg. Air t-athais a fhleasgaich, na bi ’g innse ni nach ’eil fìor—cha do gheall iad. Gheall iad gu’m feuchadh iad ath-leasachadh a dheanamh air an dòigh roghnachaidh, agus gheall iad ìsleachadh a dheanamh air cìsean na dùthcha, agus air costas na dùthcha; ach cha do gheall iad riamh na tha thusa ’g ràdh, ’s cha mhò bha e ’nam beachd, ged tha cuid a dhaoine gòrach a’ glaodhaich a a mach air a shon—daoine, mòran diubh tha suarach ged rachadh an rioghachd bun os ceann. Cha’n fhaic an gobhainn na Alasdair mòr Inbheraora ’n da latha so a thaghadh fear Pàrlamaide, ’s tha sin co maith dhoibh. Mars. Nach mòr an onoir tha aca ann an Sasunn agus an Eirinn, far an coinnich na mìltean a thaghadh duine freagarrach air son na Pàrlamaid. Ma. Sg. A thaghadh maith dh’fhaoidte, an aon slaoightire ’s cealgaiche ’s an dùthaich—an duine ’s mò bheir dhoibh do bhrosgal, agus a dh’ innseas am barrachd bhreugan—ach am bitheantas am fear a’s àirde cheannachas an guth; air chor’s gur h-e truimead a sporain a chosnas an latha ’s nach e feabhas no gliocas an duine. Bha coinneamh aca o chionn ghoirid ann an Liverpool agus bha guth aig na mìltean ’s a ghnothach. Cia mar chaidh an latha? Tha leis an uasal bu truime sporan. Thràigh sporan an dara fir an déigh dha tri-fichead mile punnd Sasunnach a chosd. Sheas am fear eile mach, agus choisinn e’n latha le duais a dhiol do gach fear thug a ghuth no a vote dha, agus rè na seachduin nach robh ’m baile mòr sin mar gu ’m bu deamhain a bha’ga àiteachadh, le misg a ’s mi-bheus, a’s gach gràinealachd a b’ oillteala ’na chéile. Gobhainn. Cha robh fios agam gu ’m faodadh iad an vote aca a chreic. Ma. Sg. Cha’n fhaod—na ’m biodh cneasdachd annta, oir tha iad bòidichte nach do ghabh iad duais, ged tha fios aig gach aon gu’n do ghabh. Thig esan mar gu’m b’ann, a dh’iarraidh do ghuth-sa, stigh do’n cheardaich, e féin no fear eile air a shon—feòraichidh e’m bheil seana chrudha eich agad r’a reic? Tha ars’ thusa. Ciod tha thu cur m’a choinneamh, ars’ esan? Cha chreic mi mo chrudha bòidheach a nuas o leth-cheud bonn òir, ars’ thusa. Tha sin daor ars’ esan—ach ’s leam e, air chùmhnant nach reic thu ni sam bith ri leithid so a dhuine. So mo làmh ars’ an gobhainn—Theid thu’n sin agus bheir thu do bhòid nach d’fhuair thu duais air bith [TD 228] ach gu’bheil thu toirt do ghuth gu saor—ach ciod tha’n sin ach mionan e eihich? Gobhainn. Ciod ’eil ach mionnan eithich an clàr an aodainn. Mars. Amhaircibh air Eirinn—nach ’eil focal an sin aig na h-uile fear?—na mìltean agus na deich mìltean diubh cruinn a thaghadh fear Pàrlamaid dhoibh féin, mar a’s iomchuidh do dhaoine saor a dheanamh. Ma. Sg. Mata thuit thu air na daoine saor, na tràillean bochda a’s mò an diugh ann an Eilean Bhreatunn.—Ach a bhobuig cha’n ’eil focal aig gach duine ’n Eirinn ’sa chùis so; na aig fear ’sa cheud dhiubh: Bha o chionn ùine ghearr focal aig na h-uile fear a b’fhiach dà phund Shasunnach ’sa bhliadhn agus chitheadh tu h-uile uachdaran fearainn, le a Bhàillidh, agus le mhaor a’g iomain nan daoine truagha romap mar gu’m biodh greidh each a dol gu faidhir no féill—’g am biadhadh air an rathad, ’s gun fhios aig fear’s an fhichead diubh c’ àite bheil iad a’ dol, agus caoin shuarach co a chuirear a stigh, ach mar dh’iarras an uachdaran no an Sagart orra. Co luath ’s a tha chùis seachad, leigear an taod mu cheann gach fir, agus leigear dhachaidh e mar a’s àill leis a dh’ ionnsuidh a bhothain neo-chuanta. Cha d’thoirear dhoibh aonta fearainn an earalas gu’n rachadh iad an aghaidh an uachdarain. Tha màil thairis orra nach ’eil e ’nan comas a chur dhiubh. Tha fiachan mòra aig a Bhàillidh ’nan aghaidh ’na leabhraichean—agus ma tha chridhe aig fear dhiùbh a bheul fhosgladh ach mar dh’ iarrar air, creicear na tha aige ris an t-saoghal, agus cuirear e féin agus a mhuirichinn bhochd a shireadh na déirce. Sin agad an t-sochair mhòr tha’n lorg guth bhi aig na daoine bochda an taghadh luchd na Pàrlamaid; agus mar tha e ann an Eirinn, ceart mar sin bhiodh e ’s a Ghàidhealtachd ’nam faigheadh gach fear focal s’ a chùis. Cha bhiodh aonta o cheann gu ceann na dùthcha, agus bhiodh na ceudan agus na mìltean air an tarruing a mach o’n tighean fein gu ceann-bhaile gach Siorramachd a sheasamh còir an fhir sin bu mhiannach le ’n uachdarain a chur a suas. Gobhainn. Fhir mo chridhe—’s ann agad fein tha ’n ceann; ciod tha aig a Mharsanta mhòr ri ràdh nis? Fhuair do charaid Reform a bhuille ’m bun na cluaise. Ma.Sg. Cha d’ fhuair idir—tha iomad ath-leasachadh maith a dh’ fhaoidte dheanamh, agus gun teagamh a nìtear, ach cha’n ann diùbh na bha esan ag ràdh. Ma sheasas sìth eadar na Rìoghachdan, tuitidh na cìsean, cuirear mu sgaoil mòran de na Saighdearan, agus tuitidh costas na Rìoghachd; ach gu truagh tha Eirinn ann an cor bochd. Tha muinntir na dùthcha sin air am mealladh le daoine seôlta, cealgach, tha feuchainn fuil agus fòirneart a thoirt air an Rìoghachd—Tha daoine aingidh mi-dhiadhaidh, Slaoightirean gun tlus, gun ghràdh-dùthcha, aig iarradh cogadh agus aimhreit a dhùsgadh eadar Eirinn agus Sasunn, Cha’n ’eil a bheag aca féin r’a chall, agus theagamh gu’m faigheadh iad ni-eiginn ’san iorghuill. Tha na daoine truagha toirt creideas da so, agus anns a cheart àm so tha’n dùthaich àluinn sin air a buaireadh. C’àit an stad iad, cha’n’eil e soirbh ri ràdh, ach tha dòchas againn gu’n caisg am Freasdal iadsan tha ’gam brosnuchadh gu olc. Ach an cluinn thu mi, fhir na màileide, ’s tusa agus do leithid tha cur amaideachd ann an inntinn dhaoine bochda—a’ labhairt mu nithe [TD 229] air nach ’eil eòlas agad, agus a’ cur ’nan ceann gu ’bheil eucoir agus fòirneart ’ga dheanamh orra: gu ’bheil dì saorsa agus ceartais aca, ’nuair nach ’eil Rìoghachd air an t-saoghal cosmhuil ris an Rìoghachd d’ am buin sinn. Bu chòir ceangal nan trì chaol a dheanamh ort agus air do leithid, tha ’g iarraidh daoine dhùsgadh gu gòraich; agus bu chòir do chur a nunn do ’n Spàinde no’m measg nan Russianach—thuigeadh tu ’n sin luach nan sochairean air am bheil thu deanamh tàir, S bochd a chùis ma’s tusa agus do leithid tha dol a chur ’ur làmh air Mathair-riaghlaidh Bhreatunn, an aitreabh àluinn a thog ar n-athraichean—airson na dhòirt iad am fuil. ’S iomad làmh bha m’ a cur suas—’s iomad doinionn a sheas i—’s iomad linn a chunnaic i—’s iomad latha bha na daoine o’n d’ thainig sinn sona foidhpe, agus seasaidh i a dh’ aindeoin cò theireadh e. Aosda mar tha i, bidh i fathasd ni’s aosmhoire—Tubaisd air an làimh a dh’iarradh clach a thoirt aisde—Soirbheachadh le gach aon leis am mail gu maith i. T. O. MU IASGACH NA MUICE-MARA. ’S i a mhuc-mhara am beò-chreutair a ’s mò tha snàmh a chuain. Tha i’m bitheantas eadar deich-troidhe-fichead agus tri-fichead troidh air fad. ’S ainmic a gheibhear muc-mhara a’s mò na so, ged tha seòrsa ann, tha os cionn ceithir fichead troidh, ach cha ’n fhiach an seòrsa sin an iasgach: tha iad doirbh r’a ghlacadh,—agus cha ’n ’eil ach beagan saille orra ’n déigh an glacadh. Tha muc-mhara mhòr làn reamhar, os cionn tri fichead tunna air chudthrom; agus ni’s truime na dà cheud damh reamhar de ’n t-seorsa ’s mò tha ’n Sasunn. Tha mu dheich tunna fichead a dh’ ùilleadh ann an aon mhuic-mhara de’n mheudachd chumanta; air chor’s gu’n tarruing na tha dh’ ùilleadh ann an aon iasg maith, oscionn dà-cheud-deug punnd Sasunnach. Tha còmhdach tiugh de shaill mu thimchioll na muice-mara g’a cumail blàth ’s na h-uisgeachan fuara reòta a’s âbhaist dhi bhi tathaich. Tha dà chnàimh-peircill na muice-mara mu fhichead troidh air fad. Ged tha’n sgòrnan aice cumhang, tha beul anabharrach mòr aice, anns am feudadh ceithir ràmhach bata agus a sgioba fasgadh a ghabhail. Cha ’n ’eil coslas cluaise ri fhaicinn air an leth a mach, ach tha clàisdeachd aice, agus mothachadh geur air cunnart sam bith tha dlùth. Air mullach a cinn tha dà chunnein, no dà phollair mhòr tre an tilg i suas meall mòr uisge dà fhichead troidh air àirde. ’Sann leis a chuinnein so tha i tarruing a h-analach, agus tha’n fhuaim, no an séideadh air uairibh mar thoirm ghunnacha-mòra. Tha neart os cionn na ’s urra dhuinn a thuigsinn ann an earball na muice-mara. Le aon bhuille de’n earball mhòr so, tilgidh i an sé ramhach bàta ’s mò, le a làn sgioba, suas anns na speuraibh. Air uairibh slachdaidh i an cuan le h-earball air dhòigh is eagallaiche.—a’ toirt air an fhairge èiridh suas ’na cobhar geal as an t-sealladh; agus tha’n fhuaim mar fharum stoirme a chluinnear mìltean air astar. ’Sann mu thoiseach an [TD 230] Earraich tba’n t-àl og a’ teachd. Cha’n ’eil aig a mhuic-mhara ach an t-aon uircean air an aon àm. Tha an daltachan beag so mu cheithir troidhe deug air fad, agus mu chudthrom tunna. Tha mhuc-mhara anabarrach gaolach, togarrach, faicilleach uime; agus ’se ’m bàs fein is urrainn sgarachdainn a dheanamh eadar riù. Snàmhaidh a mhuc-mhara mu dheich no dusan mìle ’san uair; ach ’nuair shàthar am muirgheadh no’n gath innte, siùbhlaidh i’n sin le luathas anabarrach. Tha maraiche ainmeil aig innse dhuinn gu’n tarruing a mhuc-mhara a mach còig ceud aitheamh de bhall no de ròp ’na déigh ann an aon mhionaid a dh’ ùine ’nuair tha’n gath frith-bhacach air a chur innte. Mu cheud làithean an t-samhraidh ’s bitheanta leis na luingeis tha dol a dh’ iasgach nam muca-mara a mhuir reòta a ruigheachd. ’Co luath ’s a ruigeas iad tha’n t-iasgach a tòiseachadh. Tha àite air uidheamachadh am bàrr a chroinn mheadhoin, mar gu’m biodh crannag, ris an can iad fein nead an fhithich, anns an suidh na seòladairean a’s misneachala agus a’s geur-bheachdaiche, a h-aon an déigh a chéile air freiceadan fad an latha, le gloin’-amhairc am faire a chuain; agus le dùdach mhòr tre an toir e sanus do mhuinntir na luinge ma chi e muc-mhara ’s an t-sealladh. Tha seachd bàtaichean no geolachan crochta ri cliathach na luinge, deas gu bhi uidheamaichte ’m priobadh na sùl—agus ’s éiginn gu’m bi dara leth na sgioba do ghnàth ullamh gu bhi ghrad annta ’nuair chluinnear fuaim na dùdaich. Tha na geolacha sin mu thuaiream ochd troidhe-fichead air fad, agus còig troidhean gu leth air leud,—anabarrach eutrom, éasgaidh, furasd’ iomram agus a stiùradh. Co luath ’sa chì esan tha gu h-ard ’an nead an fhithich, druim na muice-mara teachd an uachdar, bheir e sanas seachad. Air ball tha gheola mach agus a sgioba féin innte, agus air falbh leatha—’s ma’s iasg mòr tha’s an t-sealladh, tha geola eile gu grad’na déigh. Tha fear-muirgheadh anns gach geola, agus fear no dithis fodha, air am bheil cùram nam ball, air neo cuairt nan ròpan tha ceangailte ris a mhuirgheadh. Tha’n ròp so, no a chuairt bhuill so, mu cheithir mìle troidh air fad. Air ceann a bhuill so tha ’m muirgheadh no’n gath, no mar deir iad ann an cuid a dh’àiteachan, an Lisdear. ’Nuair thig am bàta co dlùth ’s a’s urrainn dith le téarainteachd, tha fear a mhuirgheadh a’ grad-thilgeadh agus a’ sàthadh a ghath innte. So an t-àm is cunnartaiche, oir co luath ’s a dh’ fhaireas a mhuc-mhara ’n gath, theid i gu boile anabarrach; a’ crathadh a h-earbaill ’s an adhar, an t-earball anabarrach sin a dheanadh le aon bhuille a gheola is mò a bhristeadh ’na spealgan; ach gu tric co luath ’s a theid am muirgheadh innte, grad theid i fodha agus le luathas anabarrach, gu ruig aigeal a chuain, air neo snàmhaidh i as, air bâinidh fo na mill mhòra reòta eighe, leis am bheil an cuan sin air a lìonadh. Am feadh ’s a tha ise snàmh as mar so, mu thuaiream deich no dusan mìle ’san uair, imridh an sgioba bhi faicilleach nach bi grabadh air bith an rathad a bhuill: Na ’n rachadh e mu thobhta no na’m faigheadh e greim air beul mòr na geola, bhiodh i fein ’s an sgioba air an slaodadh as an t-sealladh ann am prioba na sùl. [TD 231] ’Nuair tha’m ball dlùth air bhi mach, tha ràmh air a thogail mar chomharradh, agus thig geola eile le cuairt ùr. Mar bi iad ealamh ann an cur na snaime, caillidh iad am muirgheadh agus na bha slaoda’ ris de bhall. Cha luaithe shàthar an gath ’sa mhuic-mhara na tha bratach air a togail ri crann ’sa gheolaidh mar chomharradh do luchd na luinge. ’S ann an sin tha’ ’n ùpraid san luing. Tha h-uile geola mach a thiota, agus ma thuiteas do chuid de na seòladairean bhi ’nan leapannan ’s éiginn leum a stigh leth-rùisgte mar tha iad. Am bitheantas ’nuair leònar muc-mhara, fuirghidh i mu leth-uair an uaireadair fo’n uisge, thig i’n sin an uachdar a tharruing a h-analach; iomad mìle o’n àite ’n do bhuaileadh i, agus i air a claoidh gu mòr le bhi ann an doimhneachd co uamhasach, maith dh’fhaoidte ochd ceud aitheamh. Tha na geolachan ’ga cuairteachadh an sin mar is fearr is urra dhoibh, agus tha iad a’ sàthadh gath no dhà innte mar tha i rithist a’ dol fodha—air dhi teachd an dara uair an uachdar tha i claoidhte gu mòr, agus an sin dlùthaichidh iad oirre le sleaghan fada geura a shàthas iad innte; tha iad ’ga leònadh gu tròm, tha fuil agus gaorr a’ dol a suas as a poll-araibh mòra leis am bheil an t-uisge, na geolachan agus na h-iasgairean air an dath. Mu’n tilg i ’n deò, ’s bitheanta leatha aon oidheirp uamhasach a thoirt.—a’ sgiùrsadh a chuain le h-earball, le fuaim a chluinnear mìltean air astar. Fa-dheòigh tha i strìochdadh, agus a’ luidhe air a cliathaich, tha i a’bàsachadh. Tha bhratach an sin air a leagail—tha iolach ghàirdeachais air a togail—tha tuill air an gearradh ’na h-earball, agus le buill air an cur rompa tha i air a tarruing an diaigh na geola gu cliathach na luinge. An déigh do mhuic-mhara bhi air a toirt gu cliathach na luinge, tha i ’n sin le acfhuinn bhuill a’s ulagan air a togail suas, agus air a gearradh as a chéile ’n a mill mhòra, mu leth tunna air chudthrom; agus tha so air a thilgeadh am broinn na luinge ’s an déigh sin air a ghearradh a sìos agus air a chur ann an togsaidean mòra. Tha cairbh no closach na muice air a leigeil air falbh leis an fhairge gu bhi air ithe ’s air a chnàmh leis na mìltean èun agus iasg tha as a dhéigh. Cha ’n ’eil cosnadh na obair a dh’fheuch daoine riamh a’s cunnartaiche na iasgach na muice-mara, no aon obair eile anns a’ bheil seòladairean bochda co buailteach do liughad sgiorradh agus mi-shealbh. Tha na loingeis do ghnàth an cunnart a bhi air am bruthadh ’s air am bristeadh leis na mill mhòra eighe tha snàmh mu ’n cuairt dhoibh—eileanan mòra, agus mar gu’m b’e beanntan de dh’eigh cuid diubh ceuda agus mìlte troidh air àirde, agus na ficheadan a’s ceudan troidh air fad. ’Seadh tha eileana ’s na cuanta so tha uiread ri Eig, Ruma, Leòghas, Muile agus Iura. Tha na h-eileanan fuara reòta sin aig éiridh suas gu cas corrach àilli ri amharc orra, ach uamhasach ri teachd ’nan còir. Chailleadh air a bhliadhna chaidh seachad mòran luingeas am measg nan eileanan eighe sin, agus a bhliadhna ’s mò tha iad a soirbheachadh tha tèarnadh caol aca o iomad mìle cunnart agus gàbhadh eagallach leis am bheil iad air an cuartachadh. [TD 232] Tha gu tric ceò dòmhail tròm a tighinn ann an tiota air na cuain ghàbhaidh sin, agus a’ cleith nan luingeas o na geolachan, air chor ’s gur tric tha e tachairt gu’m bheil iad a’ dol air seachran agus air an call. Bha long Albannach a mach air an iasgach sin o chionn bliadhna no dhà, agus an déigh do na geolachan muc mhòr a thoirt gu cliathach na luinge, chaidh fichead de na seòladairean bu tréine mach air meall deighe a bha dlùth, chum ròp a cheangal ris a chumail na luingeis r’a fhasgadh. Thainig sgal-gaoithe a chuir an long air faondra; na dhéigh sin thainig ceo dòmhail, agus dh’fhartluich air an luing gu bràth tuille tachairt air na gillean foghainteach bha air an eigh, ged a dh’fheuch iad ris iomad latha le iomaguin agus dìchioll. ’S tha nithe de’n t-seòrsa sin a’ tachairt gu tric: ach a dh’aindeoin sin uile ciod è nach dean gaol an airgid? Ach cha’n ann o’n eigh uile gu léir tha cunnart an iasgaich so. Tha a mhuc-mhara féin ’na culaidh-uamhais agus eagaill air uairibh, agus a milleadh moran de na h-iasgairean. Bha iasgair ainmeil a mhuinntir na h-Olainde, Dùitseach treun a bha mach o chionn beagan bhliadhnaichean, agus an déigh dha gath a shàthadh ann am muic-mhara mhòir, dh’ éirich i gu grad, bhuail i le ceann a gheola agus spealg i as a chéil’ i, agus thilgeadh an Dùitseach air a druim. Bha muirgheadh mòr ’na làimh air an d’rinn e greim bàis, agus ghrad shàth e innte e!—ach gu truagh chaidh an ròp mu chois agus chaidh e fodha ’n déigh na muic-mara—ach ’nuair shaoil le càch gu’n chailleadh e, an t aon iasgair bu dàine agus a b’ fhoghaintiche chaidh riamh air sàile, thainig e ’n uachdar agus shnàmh e ’n coinneamh na geola. Chunnacas gu tric muc-mhara le buille ga h-earball mòr a’ tilgeadh geola le làn sgioba anns na speuraibh, agus na seòladairean a’ tuiteam aisde air druim na béisde. Thachair so do gheolaidh a bhuineadh do Lìte. Thilgeadh i cuig-troidhe-deug a suas san adhar, agus thuit i le a druim os a cionn—gidheadh, théarnadh gach duine bha innte ach a h-aon. Tha sgiorraidhnean agus tubaistean de’n t-seòrsa so a tachairt gu tric. Tha na seòladairean air uairibh a’ tuiteam an caramh a bhuill ’nuair tha e ruith a mach, agus tha iad air an grad ghearradh ’s air am milleadh. Gu tric tha na h-iasgairean air am mealladh le smuainteachadh gu ’bheil a mhuc-mhara marbh ’nuair nach eil i ach air a claoidh; agus am feadh ’sa tha iadsan a’ cur a bhuill m’ a h-earball tha i tàradh as fo’n uisge le boile anabarrach agus a milleadh nan geolachan is dlùithe dhi. Thachair so do’n duine ainmeil sin, Scoresby e féin: bha e seasamh air a druim agus a’ ceangal a bhuill ann an toll a rinn e ’na shnàmhaiche foghainteach bha e air a mhilleadh. Tha mhuc-mhara an àm feuchainn ri dol as, a’ dearbhadh neart anabarrach. Bha té mhòr dhiubh air a bualadh le muirgheadh—tharruing i cuairt dhùbailte de bhuill ’na déigh, thainig an treas geola le cuairt ùr—ach bha i fada gun tighinn. Bha ceann deireidh a bhuill ceangailte ri toiseach an dara bàta agus leis an luathas leis an robh e ruith a mach bha lasair [TD 233] aig ’eiridh. ’Nuair bha’n ròp uile mach chaidh am bàta fodha—leum na seòladairean a mach air an fhairge agus shnàmh iad an coinneamh na geola eile. Lean iad a mhuc le gach geola bh’aca. Thainig i’n uachdar agus shàthadh dà ghath eile innte, ach tharruing i mach gach ròp a bh’ aca agus thug i as le uiread bhuill ’na déigh ’sa ruigeadh ceithir mìle dh’ astar, agus geola ochd-troidhe-fichead air fad. Thug na geolachan eile as ’na déigh a’ cur rompa greim a dheanamh oirre—thainig i ’n uachdar, ach cha’ d’amais iad i—an ath-uair a thainig i ’n uachdar bha iad aice; Chuireadh dà mhuirgheadh làidir le urchair thapaidh innte—dh’ éirich iad oirre agus ghabh iad dhi le sleaghan fada geura, agus fa dheireadh b’ éiginn dhi strìochdadh. ’Nuair ghlac iad i bha deich mìle agus còig ceud aitheamh de ròp slaodadh rithe: uiread ’s a ruigeadh sé mìle dh’ astar!!! T. M‘L. Campsie, Feby. 1831. Mu Chraobhan iongantach an t-Saoghail. ’S iomad craobh neònach a tha fàs air aghaidh an t-saoghail. Tha cuid diubh da rìreadh co neònach ’s gu bheil e doirbh an eachdraidh tha luchd-turuis a’toirt duinn orra a chreidsinn, mar biodh fios againn gur daoine teisteil firinneach iad, as am feudar earbsa cháramh. ’S ann de chraobhan neònach an t-saoghail. Craobh a mheas-arain. Tha i so a nis mar na craobhan ubhaill a tha san dùthaich so. Tha am meas-arain cruinn, mu mheudachd cinn leinibh bhig—tha rùsg tana air mar tha air ubhall, agus fo’n rùsg sin tha a chuid a dh’ fheudar ithe. Tha e co geal ri aran sam bith, agus an déigh a ghearradh sios, agus a dheasachadh fa chomhair an teine, no ri teas na gréine, tha e anabarrach blasda, agus fallain ri ithe. Tha e air bhlas arain chuineachd, eadar sin agus buntáta. Tha sgrath fo chairt na craoibhe so as a’ bheil muinntir nan Eileana mu dheas a’sniomh seorsa de dh’aodach gabh làidir, agus buill a tha righinn feumail; air chor ’s gu bheil a chraobh so anabarrach uachmhor sna dùthachaibh sin. A chraobh Bhainne. ’S ann de na craobhan neònach i so. Tha i cinntinn ri uchd nan creag ann an dùthachaibh teith, loisgeach. Tha coslas seargta laiste oirre ach an uair a nitear toll innte thig seorsa de bhainne buidhe, milis, fallain aisde, gu h-àraidh mo thollar i ’n àm éirigh na gréine. Chìtear muinntir na dùthcha anns a’ bheil na craobhan so, a’ falbh le cuachan, mar gu’m biodh iad a’ dol do’n bhuailidh a thoirt dhachaidh a bhainne so do’n teaghlach. Tha chraobh so anabarrach prìseil anns na cearnaibh loisgeach sin. A chraobh Ime. So craobh co iongantach sa tha ri fhaotainn. Is e an duine ainmeil Mungo Park a thug a cheud chunntas duinn oirre. Tha iad ro lionmhor ann an dùthaich thìorail na h-Africa, Tha na craobhan mòr, làidir, cosmhuil ri craobhan daraich. Tha am meas coslach ri cnothan mòra, mu mheudachd ubh na riabhaige. Anns a chnò so tha ’n t-îm ni ’s gile—ni ’s tinne, agus ni ’s mìlse [TD 234] na an t-im is fearr san dùthaich so; agus chunnaic e ré na bliadhna e gun salann. Cha’n ’eil iunndrain air crodh bainne san tìr sin. A chraobh Phailm. So a chraobh is feumaile, agus is prìseile anns na cearnaibh sin de gach craoibh a tha fàs as an talamh. ’S ann an rioghachdaibh na h-âird-an-Ear a tha chraobh so a’fàs gu meudachd mhòir. Ann an Arabia tha chraobh so ag éiridh gu àirde ceud troidh. Tha stoc na craoibhe gu réidh dìreach gun mheur, gu dlù air a bàrr. Tha a bàrr le duilleach clù air chumadh sgàileagain, no umbrella. Tha gach duilleag ochd no deich troidhean air fad. Tha bagaidean mòra chnò a’ fàs air a bàrr. Tha gach earrann de’n chraoibh so feumail: tha’n stoc laidir, agus freagarrach air son gach feum. Cha’n ’eil fiodh ann is fearr na e, no mhaireas co fada ris; de gach connadh ’se is fearr, oir cha’n ’eil fiodh ann a loisgeas co dian ris; de gach connadh ’se is fearr, oir cha’n ’eil fiodh ann a loisgeas co dian ris. Tha smear anns na craobhan òga Pailm a tha na lòn fallain blasda—tha’n duilleach òg fallain ri ithe—agus tha’n seann duilleach feumail gu seorsa aodaich no de bhrait ùrlar no leapach a dheanamh. A stoc na craoibhe tha seorsa de bhainne a’ tighinn a tha taitneach ri òl, agus as an stugh so tha fion blasd’ air a dheanamh. Tha’m meas air itheadh am feadh ’s a ta e òg agus maoth, agus an uair a dh’fhàsas e cruaidh nitear min deth a tha fallain agus feumail. Seasaidh a chraobh so feadh linntean, mar éirich dosgainn dith; is ainneamh a chithear i a’ fâilneachadh air àm sam bith. ’Nuair a dh’fhàilnicheas i, tha i air a gearradh dlù do’n bhun, agus air a losgadh sa cheart àite air an do chinn i, agus as sin tha beathachadh a’ teachd o bheil meanglan ùr a’ fàs a bhios na craoibh mhòir an ûine ghearr. A chraobh Uisge. Is neònach a Chraobh so. ’Sann ann an aon de dh’ Eileana Chanari a tha ’n té is iongantaiche de’n t-seòrsa so. Tha i so a’ sileadh uiread uisge ’s a dh’ fhòghnas do mhuinntir an Eilean gu léir. Tha i bràigh glinne air stùchd àrd craige. ’Se’n t-ainm a th’ aig muinntir an Eilean orr’, a Chraobh Naomha. Tha i anabarrach sean, ach tha i ’n diugh gu slàn fallain, mar bha i o chionn cheud bliadhna. O dhuilleach na craoibhe prìseil so tha uisg’ a drùghadh ann am mòr phailteas—uiread ’sa dh’ fhòghnas do gach beò chreutair san Eilean. Nach caoimhneil gràsmhor freasdal ar n’athar nèamhaidh dhoibh san eilean thioram, thartmhor, theith so, ’s gun uisg’ air bith de sheòrsa eile ann. Tha i trì mìle o’n fhairge, agus gun chraobh eile ga còir. Cha ’n ’eil a duilleach a’ seargadh air ám air bith. Ma dh’ fhalbhas aon duilleag thig aon eile na h-áite.—Tha clais mhòr dhomhain air a cladhach m’ a timchioll, anns a’ bheil an t-uisg’ a’ tuiteam, agus as a bheil an t-uisg’ a’ tuiteam, agus as a bheil an t-uisg’ a’ tuiteam, agus as a bheil muinntir an eilein ga ghiùlan gach là. Gach maduinn roi’ éiridh na greine tha ceò dùmhail a’ togail o’n fhairge. Tha ghaoth ’ga ghluasad suas ri uchd na bruaiche far a’ bheil a chraobh so, agus tha’n ceò so a’ braonadh air duilleig leathainn na craoibhe so; agus tha e rìs a’ sileadh o’n chraoibh fad an latha, mar chitear uisg’ a’ tuiteam o chraobhaibh san dùthaich so fein an déigh fras uisge. [TD 235] Tha duine chòmhnuidh dlù do’n chraoibh so air a’ bheil a cùram. Tha tigh aige agus tuarasdal àrd, agus ’se a dhreuchd a chuibhrionn fein a thoirt do gach duine de’n uisge mar thig iad ga iarraidh. Thachair luchd-turuis a bha ann an America, is iad a’ siubhal troimh thìr thartmhoir air an claoidh le pathadh, air craoibh uisge de’n t-seòrsa cheudna. Chunnaic iad craobh mhòr agus mhothaich iad an talamh fliuch m’an cuairt dith. Cha robh fras uisg’ ann o cheann sè mìosan, is chuir so iongantas orra. Dhlùthaich iad rithe, agus le sòlas agus taingealachd mòr chunnaic iad uisge fuar fallain a’ braonadh o gach duilleig. Is furasd a smuaineachadh an gairdeachas a dhùisg so suas annta, nach faca deur uisge o cheann cheithir làithean roimhe sin. Cha do thachair aon eile de’n t-seòrsa orra nan turus gu léir. Tha mòran de chraobhan iongantach eile ann air am feuch sinn cunntas a thoirt na dhéigh so. LITIR EIREANNACH. Tha sinn cinnteach gu ’m bi ar càirdean toilichte litir eile o’r caraid O’ Domhnuill a leughadh. ’S taitneach an ni gu ’m faigheadh an dà phiuthair so a Ghàilig Eireannach ’s a Ghailig Albannach eòlas air a chéile. ’S ann o’n aon mhàthair a thàinig iad. Bha iad o shean anabarrach gràdhach mu chéile, agus air an àm so gu h-àraidh ’nuair tha co liugha leabhar ’ga chur a mach annta le chéile, feudaidh e mòran maith a dheanamh eòlas air an dà chànmhuinn a mheudachadh. Tha iomad leabhar ùr a nis a’ teachd a mach ’s a Ghàilig Eireannaich, a b’ fhèairde na Gàidheil Albannach a’ leughadh, agus tha dòchas againn gu bheil còrr ni maith againn nach bu mhisde iadsan uainne. ’S ceart càirdeil an ni dhuinn taobh air thaobh de’n chuan, eòlas ni ’s dlùithe bhi againn air a chéile. A dhuine uasail, Is maith liom gur thaitnigh an litir leat a fuair tu uaim, agus do rèir do mhìan, cuirfe me do d’ ionnsuidh, o am go h-am, nìdh eigin a d-taobh mo thìr-dhuthchaidh fèin. Ma’s cosmhuil na Gaedhil Albannaigh le n-a g-comh-bhràithre ann Eirinn, nì feàdar dhòibh gan a bhèith sòlas aca ag èisdeachd le sean-sgèultaibh agus seanachas. Tà slèibhte mòra agus gleanta àmuinne glasa aguin-ne mar tà aguibh-se, agus go minic is gnathach leis an mhuintir a bhiann ’na g-comhnuidh ann sin bh-fad o na bailtibh, suidhe a g-cuideachd a chèile, a bh-fogus don teine mhòir mhòine gach aon oidhche gheimhridh, chum sgeulta na sean-aimsire do chlos(1), agus na h-amhrain binne Eirinn do ghabhail.—Och! nach fearr an sean-chleachdadh so na bhèith ’na suidhe a d-tìgh leanna, ag mùchadh cèille ’san uisge-beatha bhoirb theinnteach! Ghabh plèisiur(2) mòr mè, le cuid do na fuigheallaibh so do chruinn-iughadh(3), agus sgrìobh me sìos air uairibh sean-sgèul no dàn o bhèul sgèulaidhe, dar thaisbèun a ghruag lìath go d-tàinic geimhreadh a laithe air, agus lerab’ èigin don t-seanachas a dhol sìos ’na chuideachta chum na h-uaighe go brath. An trath so cuirim chugad an [TD 236] sgeul deireannach a chuala mè: ma ’s maith leat è tà mòran eil’ agam. O DOMHNUILL. Ag Beul-fears’de, An dara là deug de mhì mheaghon an fhoghmair. SGEUL GEARLAIN. Ta baile beag a g-condae Lùdh dar b’ainm a nois Caisteal Bellingam, agus ’s è an sean-ainm a bhì air bh-fàd o shoin (4), Baile Ghearlain. Is o fhear àiridh (5), dar bh’ ainm Gear-fhear dubh Gearlan aig a raibh sealbh a nallòd (6) ann, a goirthear an t-ainm so dhò (2). Is minic a h-aithristear an sgèul so leanas lena sean-dhaoinibh ’sa chomharsanachd (8) sin gus an là a n-diù, agus deir sìad nach bhuil brèag air bith ann. Bhì (9) Gearlan ’na dhuine chumhachdach fhìor-làidir, bhorb chalma, ionnus go m-b’fhèadar leis, buaidh do bhrèith air mhôran feara gan chomhnadh air bith acht a làimhe féin a mhàin; agus air m-beith dhò na cheann cinidh shàidhbhir chogach, bhì meas mòr aig a mhuinntir fèin air. Bhì mòran Sacsannaigh ’na g-comhnuidh timchioll na h-àite sin, a bhì curtha (10) a measg na n-Gaedhal do rèir ordughaidh an Rìgh. Do ghair Gearlan toirmeasgoire malluighthe dhòibh, agus bhain (11) sè creacha mòra dìobhtha (12), comh minic is b’ fhèadar leis a dheanamh. Is minic a mharbh na Sacsannaigh a chuid bâ, agus a chuir sìad a thighthe le teine, ’s gan mhaith doibh ann: bhì sè a g-comhnuidh (13) ’na namhaid neartmhar do-chlaoidhte aca. Rinne sìad a n-dìtchioll go minic an ceannard so do mharbhadh, acht na daoine a bhì comh dàna sin, bhuail an gearr-fhear dubh iad sìos, agus mhill sè gach uile dhuine aca, comh furas is dèanfadh cat dubh an nìdh cheadna le luchog. Fa dheòigh, mar chonnaic sìad go soillèir nar bh’ fheàdar leo go brath a sgriosadh go follasach, thàinic sìad a g-cean a chèile agus thionsgan siad an t-amas (14) glic so. Do lèig sìad orra fèin go raibh mìan mòr aca, muinntearas agus sìothchain (15) a dhèanamh leis. Do rèir sin do rinneadh sìothchain gan mhaill leis, agus a n-diaigh (16) beagan aimsire, thug sìad cuireadh dhò chum cuirme mòr-fhlaitheamhuil, ionnus go g-cuirfidh siad deireadh maith air an t-socrughadh, le ithe agus le òl. D’aontaigh an Gaoidheal neamh-chùramach mì-amhrasach; oir nì raibh (17) smuaineadh aige, go raibh rùn aig a namhaid Sacsannach, feall a dhèanamh air. Os ceann na cathaire do bhì doras beag dèanta a mullach an tìgh, agus ann sin bhì soitheach mòr d’oladh air fiuchadh, agus ceann eile de luaidh leaghta, rèidh len-a n-dòrtadh ’nuas thrid an doras, go dìreach air cheann Gearlain bhoicht, air dhèanamh chomhartha àiridh. Thàinic na h-aoidhe a g-ceann a chèile, agus shuidh an ceannard sios gan eagla no amhras air bith air, ’sa chathair onòrach a leagadh a mach dò. Bha ban-òglach ann sin aig a raibh fios na feille do thionsgann na Sacsannaigh, agus b’aithmhealach leithi a bhéith rannphàirteach ’sa choir ion-fhuathuighthe so, gan tuairim a thabhairt do Ghearlan air. Leis an inntinn sin d’iomchair si leanabh ann a lamhaibh tar an chathair ann a raibh sè ’na shuìdhe, agus a dubhairt sì, amhuil is da m-bèidh sì ag labhairt leis a leanabh. “Gradh mo chroìdhe an scadan, nar gabh a rìamh air a [TD 237] chuid.” Do thuig an ceannard air ball ì, agus lèim sè go h-oban air ais o n-a àit-suìdhe, agus air an uair sin go dìreach d’ fhosgail lamh eigin an doras beag gaisde, agus thàinic an luaidh leaghta roimh-raite agus an oladh air fiuchadh a nuas’na d-tuile throm air an chathair air a raibh sè na shuìdhe roimhe sin. Acht nìor (21) theò iad na an boile a bhì a’ bruith a g-cuislinibh Gearlain. Gan mhoill da lughad, an claidheamh cliùthach, (22) a chompanach seasmhach oidhche agus lae, agus nar bh’fheàdar le duine air bìth a láimh-sigheadh acht è fèin a mhàin bhì sè deàlrach ann a lamh. Air ball do ruith sè go misneamhuil (23) tapaidh a measg na Sacsanach cealgaigh a bhì aimhrèidh buaidheartha (24) mar (25) gheall air an nìdh a tharla dhôibh (eadhon, do bhrìgh nach n-deachaidh a rùn feille air aghaidh) amhuil is da m-buailfidh ìad le innteach neimhe agus air a raibh eagla mòr faoì (26) làidireacht Gearlain, noch (27) dob’ aithne dhòibh go maith. Nì dhearna (23) a riamh an claidheamh sin an uiread sin de sheirbhis mhaith d’a mhaighistir. Le gach buille a rinne a lamh chleachdta, do thèith ánam Sacsanach as an chorp fuilteach ann a raibh sé, agus sul fa mb ’fhèadar le fear air bith aca, brèithair a airm chatha, d’òl lann Gearlain a bh-fuil. Do chuaidh nuaidheachd an mharbhaidh so gu luath air feadh na Sacsanach go h-iomlan a bhi ’na g-comhnuidh ann Eirinn, agus bhagar Fear-ionad an Rìgh, Gearlan do lèir-sgrios le na shluagh mhòr. Annsa staid so rinne an ceannard an mòdh so sios: nìdh do rinneadh go minic le na Gaoidhil claoidhte go Sèunamhuil. Chuaidh sè thar an mhuir go Sacsan, agus lèig sè è fèin air a ghlùinibh a lathair an Rìgh d’a ghuìdhe a chruaidh-chàs a cheartughadh, agus thug sè fath uaith crèud far’ iomair sè fòirneart air na Sacsanaibh. Chuala an Rìgh roimhe sin cliù mòr a dtimchioll a làidireachda iongantaigh agus bu mhian leis a thàsdail. Uime sin, do gheall sè a mhaitheamhnas dò, da n-gearfadh sè pacadh ola thrid sìos le aon bhuille a mhàin d’a chlaidheamh, a lathair fèin agus a uaisle; ag radh, ’san àm cheadna, go g-caillfidh sè go cinnte a cheann mu ’r d-tiocfadh leis a dheànamh. D’aontaigh Gearlan trèun, agus air a ìarratas, go taisbèunadh an tìgh-airm mhòr Shacsain dò, air chor go bh-fuighe sè claidheamh maith. Rinne sè fromhadh (29) air gach lann aca, d’a ghlacadh ann a lamh agus d’a chrathadh ’san aer, agus air an uair, thuit sè as a dhorn-chur ’na mìle pìosa. “A Rìgh mhòir,” ar sè, “chonnaic mì na claidhmhe is fearr a tà a Sacsan, agus ni’l ceann air bìth aca iomchuidh chum na h-oibre a chuir tù mo lèith. Le do chead, cuirfe me teachdaire go h-Eirinn le mo chlaidheamh fèin fhaghail agus a thabhairt chugam, agus ann sin dhéana mè an nìdh is àill leat. D’aontaigh an Rìgh, so do dhèanamh, agus tugadh an ball-airm go luath go Sacsan. Là àiridh do bhi leagtha ’mach, thàinic na h-uaisle le chèile a thalladh fhàda fharsuing agus bhì Gearlan ann a mheadhon le bunn ramhar chrainn os a chomhair, air a raibh an pacadh ola ’na luìdhe. Ann so rinne a namhaide eagcoir eile, chum cairdeas an Rìgh a ghabhail uaith. Do b’è an crochadoir a d’ullmhaigh an pacadh, agus tugadh suim mhòr airgid dò, air son go g-cuirfidh sè ann a mheadhon barra mòr iarain ionnus go g cuirfidh sè toirmeasg [TD 238] oban air bhuille neartmhar Ghearlain. Tharraing an gaisgeach a chlaidheamh, agus thug sè fa dearadh go raibh faobhar maith air, an diaigh (16) lèith-chèad catha: agus tar èis a chrathadh ann a dhorn làidir, fuair sè è comh dionghmhalta is bhì sè a rìamh ’roimhe. Ag tiontadh thart dò, d’amharc sè le gruaim eagalach air an Rìgh agus air na h-uaislibh a bhì cruinn a bh-focair a chèile, agus ann sin shiùbhal sè beagan air a chùl, thòg sè a chlaidheamh, agus le aon bhuille amhàin do ghearr sè an pagadh ola thrid sìos maille leis an bharra arain a bhì ann; agus d’fhag sè lann a chlaidheimh fasta a m-bunnchrainn comh daingean sin, ionnus nar bh’ fhèadar le lamh air bìth a tharraing amach, acht a mhâin an lamh a bhuail an buille. Rinne an teach gleadhrach mhòr le gair na n-uaisle da mholadh. Chuaidh an Rìgh air aghaidh agus thug sè a mhaitheamhnas don cheannard Ghaoidheal go cairdeamhuil. “Acht, a Ghearlain,” ar sè, gad è fath na gruaime mhòire sin, ler’ amharc tù, ’nuair a bhì tu air (31) tì an buille a bhualadh?”—“Gabhaidh do mhòrachd mo lèithsgeul, do bhrìgh nach bhuil me dol freagra thabhairt duit a d-taobh na cèiste sin,” arsa Gearlan. Gidheadh, air m-bèith dhò dearbhtha nach g-cuirfidh a fhreagra fearg air bìth air an Rìgh, do ghlaodh sè ’mach go dàna: “A rìgh, do b’é adhbhar na gruaime sin, eadhon, le fìos na neìthe so thabhairt duit; da d-tapadh a ghaisge air Ghearlan, no mu’r n-eireochadh leis a rùn a chur a n-gnìomh, dhùinfeadh sè le sèala an bhàis gach uile shùil a bhì dearcadh air, agus do shùile-sa air d-tùs! Thaitnigh an chruadal so le Rìgh Shacsain: fuar sè a mach na cealgoire a rinne an fheall air, chuir sè d’fhiachaibh air an chrochadoir a g-crochadh air an m-ball, agus a nuair a bhì Gearlan ag imtheacht go h-Eirinn, phronn sè mòran tiodhlacaidh mòr luaigh air. Focala comh-fhreagarraigh ’sa n Gaelic Albannach. (1) chluinntin. (2) tlachd. (3) chruinneachadh. (4) o chian. (5) àraidh. (6) roimhe so. (7) dhà. (8) coimhearsnachd. (9) bha. (10) cuirte. (11) ghlac. (12) diubh. (13) an comhnuidh. (14) feall-fholach. (15) sìth. (16) an déigh. (17) cha robh. (18) bruith. (19) chomharraidh. (20) leatha. (21) cha bu theoithe. (22) cliùteach. (23) misneachail. (24) buairte. (25) air son. (26) fuidh. (27) nìdh. (28) cha d’rinn. (29) ceasnachadh. (30) cha n’eil. (31) dol. (32) naisg. (33) ciodhfar IUL AN EILEANAICH. Le dearmad na muinntir a bha clo’ bhualadh an àireimh mu dheireadh, cha do chuireadh ach dara leith an dàin so a mach. ’Nuair mhothuicheadh dha so, cha robh comas air a cheartachadh: Tha sinn aig iarraidh maitheanais air-san a chuir d’ar n-ionnsuidh e; agus tha sinn a nis a’ cur a mach an dàin mar fhuair sinn e. Gheibhear an cion-fàth m’an do sgrìobhadh an dàn so’s an Teachdaire fa dheireadh. Bha Ghrian ’s i ar luidhe fo smal a’s fo ghruaim, A’s cuaintean a beuchdaich le gàraich na Stuadh; Ach tha ’n t-Eithear gu treun ris a’ Ghaillinn a Strì’, A’g iarraidh gun luasgan gu cala na sìth. [TD 239] Bha dul-neoil nan Doinlonn a’ siubhal nan Speur, A’s fearann no fasga do’n Sgioba cha leur; Ach gun mheatachd gun imcheist air chridhe nan sonn, Shìor ghleidh iad an gabhail air Eilean nan tonn. Deir am maraiche aosda a shuidh air an ailm, Na strìochdaibh mo ghillean fo uabhar no Stoirm! Bi’dh ar n’ earbsa gu daingeann an àrd Righ nan Dùl, Oir dheònaich a Mhaitheas na bheir Soills’ agus Iùl. Agus feuch! mar a labhair, air Carraig nan Stuadh, Suas dh’éirich le dhearsadh àrd Lòchran nan buadh; An deur nach do dh’ fhàsgadh le gàbhadh o shùil, Shil an t’ Athair nuair thuirt e “Leanabh mo rùin.” ’S bha Leanabh cho Sona ’s bu mhiannach le chrì, Nuair a chunnaic i’n t-eithear an Cala na Sìth; ’S O! b’ aoibhneach a choinneamh nuair ràinig i ’n tràigh ’S a thuirt i le aiteas—“O! Athair mo ghràidh. I. M. L. DAN DO’N BHIOBULL. Ann V. àireamh de’n Teachdaire chuir sinn amach Dàn do’n Bhiobull a sgrìobhadh le ar caraid measail am “Fios Ghaidheal.” Tha sinn làn chinnteach gu’m bi ar luchd leughaidh fa chomain duinn a chuid eile do’n dàn cheudna thoirt doibh. Tha fios agam gu bheil gach ni thig o pheann an Fhìor Ghaidheil taitneach leo. Cò a chruit is grinne ceòl? Ciod an sgeul is binne glòir? Ciod an tàisg-thigh ’s luachmhoir stòr? Am Biobull. Cò ’sgap an duibhre a’s a mhùig, Chlaon, a mheall, ’s a dhall, mo shùil, ’Sa threòraich mi mar lòchran iùil? Am Biobull. Cò an tobar fallain fuar, Chaisg dhomh m’ iota san an-uair? Do m’ chrìdh thug fionnaireachd gu luath? Am Biobull. C’ àit am faigh an t-ocrach lòn? Am pàiteach fior-uisge r’a òl, Bheir an t-anam seargta beò? Am Biobull. A fhradharc c’àit’ am faigh an dall? Am bacach leòinte lùs nam ball, Bheir gu coiseachd e nach mall? Am Biobull. Cò bheir subhachas do’n chrì? Cò bheir misneach dha is clĭ? Cò ged sheachd e, bheir gu brìgh? Am Biobull. Cò a shàsaicheas am bochd? Cò a chòmhdaicheas an nochd? Cò bheir saorsadh o gach lochd? Am Biobull. Cò bheir air an fhàsach chruaidh Teachd gu àilleachd agus snuadh; A sgaoileas maise air bhios buan? Am Biobull. [TD 240] Fàilt ort fein a leabhair naoimh! Fàilt ort fein a theachdair’ chaoimh! Fàs am meas am bheachd a chaoidh. A Bhiobuill. Am chluais do cheòl biodh binn gu bráth, Do m’ bhlas gu milis biodh gach tràth, Do theagasg biodh a’m’ chrì’ gach là, A Bhiobuill A’d’ sgàthan àillidh chunn’cas thall, An Ti mo shaorsa ghabh os laimh, An Ti tha seasamh rium an dàimh. A Bhiobuill. Aghaidh a’d’ sgàthan soilleir réidh, Sior dhearcam air, is faiceam e, Gus na ìomhaigh dealram fein. A Bhiobuill. O! gabh do thurus do gach tìr, Le d’ theachdaireachd is torrail brìgh, A dh’ aiseag dhaoin’ a dh’ionnsuidh sìth. A Bhiobuill. BAS CARAID. ’S ann le duilichinn mhòr a chluinneas ar Càirdean air feadh na Gaeltachd gu’n do bhàsaich caraid dìleas doibh, an duine aimneil, foghainteach—an Diadhair urramaichte, deas-chainteach sin, Andrew Thomson, D. D. a h-aon de Mhinisteirean Dhùneideann. Cha robh curaidh ’san Eaglais a sheas còir agus sochairean nan Gael ni bu tréine na an duine so air iomad àm. Is iomad còmhdhail air an do thog e a ghuth as an leith. Bha’n leas spioradail gu mòr ’na bheachd. Shaothairich e gu làidir anns na sgoilean a chuireadh a mach ’nam measg; agus air aon chòmhdhail àraid chuir e le bhuaidhibh ard gu ball-chrith iadsan a bha feuchainn ri Ministeir Galld’ a’ sparradh, a dheoin no dh’aindeoin, thairis air sgìreachd Ghaelaich.—Bha’n duine urramach so ann an àird a shlāinte ’nuair a dhùisg e ’sa mhaduinn—Thuit e aig dorus a thighe fein air dha pilleadh dhachaidh san fheasgar, gun osnadh, gun ghearan, gun fhocal as a bheul—ann an tréin a neart. Lean na mìltean a chorp a dh’ ionnsuidh na h-uaighe:—agus theagamh nach do chaochail pears’ eaglais air àm air bith a dh’ fhàg ainm a b’àirde, agus cliù a b’ iomraitiche na an gaisgeach Criosdail so. CEIST. A Theachdaire—An urrainn sibhse a mhìneachadh dhuinn mu thimchioll Mhelchisedec? M. B. FOCAL SAN DEALACHADH. Fhuair sinn litir a chuir Bodach nan spéuclair thugainn—deanadh e air a shocair—cha d’thainig a chìs fhathasd bhàrr an Tombaca—chi sinn ann an latha no dhà. Fhuair sinn litir a chuir Seorus nan Long d’ ar n-ionnsuidh—Feuchaidh sinn ’san ath-àireamh ri cunntas a thoirt air an turus chuain sin air an robh e le Capt. Parry. Fhuair sinn an sgeula mu Alasdair dubh Ghlinne-Garadh. Tha eagal oirnn gu’n tionndaidh ar leughadairean air falbh maith mar rinn Mac-Cailein mòr agus na h-uaislean eile o’n trà bhìdh a chuir Alasdair dubh fa’n comhair; uime sin cha tairg sinn e air an àm—ach mòran buidheachais do A. B. air son a chaoimhneis. Fhuair sinn cunntas na Mara-Ruaidhe, agus feuchaidh sinn ri àite thoirt do ’n eachdraidh thaitnich sin co luath ’s a’s urrainn duinn. A’bheil ar cairdean dìleas an t-Eileanach, am Fìor-Ghael—I. M‘L. N. M‘L. A. B. R agus Dòmhnull, beò? B’ait leinn a chluinntinn cia mar chuir iad an Geamhradh seachad. Tha sinn cinnteach gun do sgrìobh iad mòran am feadh ’s a bha iad fo’n t-sneachda. Tha fadal oirnn cluinntinn uatha. [TD 241] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS MEADHOIN AN EARRAICH. XXIII. AIREAMH. 1831. FAISNEACHD MU THIMCHIOLL NAN IUDHACH. I. EARRANN. Sgapaidh mi sibh am measg nan cinneach, agus tairngidh mi claidheamh ’nar déigh: agus bithidh bhur fearann creachta, agus bhur bailtean fàs. Théid as duibh am measg nan cinneach—agus seargaidh iadsan a dh’ fhàgar dhibh as nan aingidheachd ann an dùthchaibh bhur naimhdean. Gidheadh air a shon uile, ’nuair a bhios iad ann an tìr an naimhdean, cha tilg mi uam iad, ni mò a ghabhas mi gràin diubh, g’an sgrios gu tur:—oir is mise an Tighearn an Dia. Lebh. xxvi, 33, 38, 39, 44—Bithidh tu a’ t’uamhas a’d’ shamhladh agus a’d’leth-fhocal am measg nan uile chinneach. Sgapaidh an Tighearn thu am measg nan uile chinneach, o’n dara ceann do’n talamh eadhon gus an ceann eile do’n talamh.—measg nan cinneach sin cha’n fhaigh thu suaimhneas sam bith, ni mò bhios fois aig bonn do choise. Sa’ mhaduinn their thu, Och! nach b’e’m feasgar e; agus ’s an fheasgar their thu, och! nach b’i mhaduinn e; air son eagail do chridhe leis am bi eagal ort, agus air son seallaidh do shùl a chi thu. Deut. xxviii.—64, 65, 67. Tha nis os cionn trì mìle agus dà cheud bliadhna o’n a labhradh na briathra so le Maois, fàidh an Tighearna. Tha leabhraichean Mhaois agus an t-seann Tiomnaidh gu léir, làn de’n fhàisneachd cheudna; agus ged a bhiodh na briathran air an sgrìobhadh air an latha ’n diugh, cha b’ urra dhoibh a cheart chor anns a’ bheil na h-Iudhaich am measg rìoghachdan an t-saoghail a’ leigeil ris dhuinn ann an cainnt a’s fìrinniche agus a’s freagarraiche. Tha am pobull so air an latha ’n diugh ceart mar chunnaic agus mar dh’ innis Maois o chian a bhitheadh iad. Anns an eachdraidh sin, agus ’sì is sine th’air mhaireann far a’ bheil staid nan Iudhach air a chur an céill ceart mar tha iad mu choinneamh ar sùl air a cheart àm so. An duine, no mac duine, a b’ urra so innse linntean mun do thachair e? Cha b’ urrainn duine ’innse. Mo thruaighe! Cha’n ’eil fios aig duine tha beò ciod a thachras a màireach. Esan, agus esan a mhàin a b’ urra ’ìnnse, d’ an léir gach ni o bhi-bhuantachd gu bi-bhuantachd—agus d’ am bheil mìle bliadhna ’na shealladh mar an là ’n dé nuair theid e seachad. Lìonadh e an àireamh so de’n Teachdaire gach fàisneachd mu thimchioll sluagh Israeil a tha o thoiseach gu deireadh a Bhiobuill [TD 242] a chur sìos. Cha’n ’eil car a chuir iad riamh dhiubh, no lochd no beud a dh ’fhuiling iad, nach ’eil air ’innse anns a chainnt a’s soilleire; agus leis an dearbh-chinnt a’s làidire. Tha e againn ann am fàisneachd mar bha iad ri bhi air am fògradh o’n dùthaich fèin; tha an dòigh agus an t-àm anns an robh so ri tachairt, air’innse. Tha gach geur-leanmhuinn a dheanta orra—an doille féin—an gealtachd—an laigse—an allabanachd bhochd air an deach iad—cruas an cridheachan—an sannt do-shàsaichte—am fòirneart a dheant’ orra—am masladh—an tàir—am magadh ’s an fhochaid a dheanta orra anns gach àite—Gidheadh mar sheasadh ’s mar chinneadh iad feadh uile chèarnaibh an domhain; tha so uile air a chur sìos againn ’sa Bhìobull os cionn dà mhìle bliadhna, agus air ’innse dhuinn ceart mar tha sinn ’g a fhaicinn air a choimhlionadh air a cheart lâ so. ’Se a cheud chuid de’n fhàisneachd mu thimchioll an t-sluaigh so, gu’m biodh iad air am fògradh o’n dùthaich fein—gu’m biodh am bailtean fàs gun neach ’gan àiteachadh. An déigh léir-sgrios Ierusaleim leis na Ròmanaich, mhilleadh gach baile a bhuineadh dhoibh, agus dh’fhògradh an luchd-àiteachaidh, uiread dhiubh ’sa thainig as o’n ghort a bha ’s an tìr, dh’ fhògradh iad gu léir a mach á tìr Iudea, agus b’ éiginn doibh teicheadh mar allabanaich thruagha do rìoghachdan coimheach,—air am mealladh le cealgair thug orra chreidsinn gu’m b’e féin am Messiah, dh’ éirich iad an aghaidh nan Ròmanach agus thug iad oidheirp air tìr an athraichean a bhuadhachadh air a h-ais—ach be ’n oidheirp so thug an sgrios bu truaighe orra thainig uaithe sin ’nan rathad. Mhair an cogadh sin dà bhliadhna, agus gun labhairt air na chaidh a dhì le tinneas, le gort, agus le teine, bhàsaich sé ceud mìle fo fhaobhar a chlaidheimh. Air an àm so thainig sgrios eagallach orra féin agus air an dùthaich. Thòisich an sin a gheur-leanmhuinn orra air nach d’thainig crìoch fhathasd. Chuir Adrian, Iompaire na Ròimhe a mach reachd gu’m biodh na h-uile Iudhach a chuireadh bonn a choise air sraid Ierusaleim no eadhon a thigeadh ’na shealladh, air a chur gu bàs. ’S iomadh linn a nis a chaidh seachad o’n a chaill iad tìr Iudea, agus baile mòr Ierusaleim, agus ’siomad rìoghachd agus pobull a fhuair sealbh air. Bha an dùthaich sin aig Cinnich agus aig Criosduidhean agus aig Mahomedanaich: ’s ainneamh pobull no sluagh nach d’ fhuair ceannas orra uair no uair-eiginn—ach am measg gach atharrachadh, cha d’ fhuair na h-Iudhaich riamh fhathasd, o’n àm anns an d’ fhògradh aisde iad, seilbh oirre. Dh’ fhartluich orrasan agus orrasan amhàin, an dùthaich sin a chosnadh, ged a b’ e miann an cridhe i bhi aca, agus rùn an anama pilleadh d’ a h-ionnsuidh. Agus cha ’n e sin amhàin, ach do na h-uile seòrsa dhaoine tha taoghal na dùthcha sin, ’s e an t-Iudhach bochd a gheibh an laimhseachadh no a ghiullachd is miosa o na Turcaich aig a ’bheil seilbh innte air an àm. ’Sann san dûthaich sin tha’n tàir a’s mò air a dheanamh air: agus do gach neach a’s urrainn seasamh air sràid Ierusaleim ’s esan an t-aon a’s fuathaiche ’s a’s gràineala leis na coigrich fhiadhaich tha nis ’g a tathaich. [TD 243] Ach cha’n e ’mhàin gu’n d’ innseadh roimh làimh gu’m biodh an sluagh so air am fògradh as an dùthaich féin, ach mar an ceudna dh’ innseadh ann am fàisneachd, gu’m biodh iad air an sgapadh air feadh gach rìoghachd eile dhe. Seadh o dhara ceann an t-saoghail chum a chinn eile dhe. Nach comharraichte cainnt Amois. ix. 9. Oir feuch bheir mise àithne, agus criathraidh mi tigh Israeil ann am measg nan uile Chinneach, mar a chriathrar siol ann an criathar, gidheadh cha tuit an sìlein a’s lugha dheth air an talamh. Mar so thachair. Cha’n ’eil dùthaich an diugh air aghaidh an t-saoghail air a’ bheil eachdraidh againn, anns nach ’eil na h-Iudhaich r’ am faotainn air faondra. Cha’n ’eil baile-mòr no àite ’n ceithir chearnaibh an domhain anns a’ bheil òr no airgiod, no malairt, no daoine, anns nach ’eil Iudhaich. ’S luchd tuineachaidh an domhain iad, gidheadh cha ’n ’eil dùthaich no dachaidh aca bhuineas doibh féin. Tha slòigh eile air an dealachadh o chéile le monaidhnibh agus le aibhnichibh, le cuantaibh agus le fàsaichibh; ach cha’n ’eil na nithe sin a’ cur grabadh air gluasad allabanach agus faondra an-shocrach nan Iudhach. Siubhail an saoghal agus mar a dh’ imicheas tu o thìr gu tìr, feudaidh tu a ràdh, dh’ fhàg mi an sluagh so agus an sluagh ud eile ’m dhéigh; so dùthaich nan Russianach, so dùthaich nan Suaineach, so tìr nan Spàinteach, so rìoghachd na Frainge, so na h-Innsean anns a’ bheil na Hindoos; so an tìr a’ bheil na Turcaich, ach c’àit’ am fàg thu na h-Iudhaich’ ’nad’ dhéigh—c’ àit’ an urrainn duit a râdhainn, ’si so tìr nan Iudhach; ni mò, c’ áit’ a ’bheil e comasach dhuit a ràdh, so tir anns nach ’eil Iudhaich. Siubhail an domhan uile, o dheas gu tuath, o ’n ear gus an iar, o mhachraichean loisgeach Africa, gu sneachda fuar Shiberia, agus annta gu léir tha na h-Iudhaich, agus ’nam measg gu léir cha’n’eil dachaidh nan Iudhach. Cha’n e sin uile, ach tha iad far nach urra dhuit dol—ann an cearnaibh air nach d’fhuair luchd-turuis eile ruigheachd. Muinntir na dùthcha so féin a bha o chionn bheagan bhliadhnaichean a’ strì gu cearnaibh tìorail Africa a ruigheachd, agus air an d’ fhartluich dol co fada ’s a bha mhiann orra, dh’ fhiosraich iad gu’n robh Iughaich ’s na h-àiteachan sin, agus uapasan fhuair iad gach eòlas tha againn air na cearnaibh dorcha foluichte sin. ’S iomadh leabhar-turuis a chuireadh a mach ’s an Roinn-Eòrpa, agus tha h-uile h-aon diubh a’ dearbhadh fìrinn nan nithe so, air achd ’s gur fìrinneach cainnt an Fhàidh a dh’ innis o chian “bithidh iad air an criathradh am measg nan Rìoghachdan.” Cha’n ’eil e comasach ann an eachdraidh aithghearr de ’n t-seòrsa so, chur sìos na dh’ éirich do’n phobull thruagh so o linn Chriosd. Cha’n ’eil rioghachd no pobull nach robh mar gu’m biodh iad a strì ri chéile cò ’bheireadh an laimhseachadh bu mhiosa dhoibh. Ciod air bith comhstri no cogadh no aimhreit, no dealachadh baralach bha eadar riu ann an nithibh eile, chòird agus cho-aontaich iad gu léir ann an geur-leanmhuinn a dheanamh air na h-Iudhaich. Cha’n ’eil e comasach a ràdh ciod an rìoghachd no am pobull, co dhiùbh ’s iad Cinnich, no Mahomedanaich na Criosduidhean, a phronn ’s a mhurt ’s a thug am barrachd sgrios orra le geur- [TD 244] leanmhuinn sgaitich, fhuiltich. Sgiùrsadh iad o chearna gu cearna, o dhùthaich gu dùthaich, agus cha d’ fhuair a h-aon diubh àite do bhonn a choise anns an robh e comasach dha a ràdh, so mo dhachaidh féin. Dh’ fheuch a h-uile Iompaire bha thairis air an Ròimhe bàrr a thoirt airsan a chaidh roimhe ann an deuchainnibh ùra chur air an t-sluagh bhochd so. Tha iad mallaichte leis a Choran, leabhar creidimh nam Mahomedanach. Tha eaglais na Ròimhe anns gach linn an naimhdeas ’n an aghaidh;—agus tha e air a thoirmeasg le laghannaibh na h-eaglais sin do neach air bith ithe no òl leò, no càirdeas a chumail riu. Tha ascaoin-eaglais a mach an aghaidh aon duine chumas càirdeas ri Iudhach. Air latha càisg tha e ceadaichte ann an dùthchanna Phàpanach, do gach neach a choinnicheas Iudhach a bhualadh taobh a chinn. Gu bitheanta thainig binn a mach an aghaidh gach Iudhach ’s an Fhraing gu léir, bha ’n stòras air a spioladh uapa, agus iad féin na dhéigh sin air am fògradh as an rìoghachd. As an Fhraing bha iad seachd uairean air am fògradh. Bha iad le reachd de’n t-seòrsa cheudna air am fògradh as an Spaind—agus tha ’m fear-eachdraidh a’s fearr tha againn a’ deanamh dheth gu ’n do chuireadh deich a’s ochd fichead mìle teaghlach air faondra as an dùthaich sin amhàin. Bha na mìltean agus na deich mìltean diubh gu tri air am murt’s na cearnaibh sin, ann an aon seachduin, mar fhala-dhà do na daoine, no mar chuis-àbhachd. Cha’n fheudar a ràdh gu’n do bhuin muinntir na rìoghachd so féin ni’s fearr riu na rinn càch. Ann an Sasunn gu tric rinneadh fòirneart eagalach orra. ’S minic a dh’éirich sluagh na dùthcha sin suas, mar aon duine chum am murt. Air còmhdhail àraid bha còig-ceud-deug dhiubh ann an aon bhaile mòr an Sasunn, York, agus chuir muinntir a bhaile rompa am murt ’s am marbhadh gun tròcair. Thairg na h-Iudhaich dhoibh na bh’aca air aghaidh an t-saoghail air chùmhnant gu ’n leigeadh iad as iad gun an cur gu bàs. Ach dhiùlt muinntir York so. Shocruicheadh latha áraidh chum am murt, eadar òg agus shean; ach ’nuair thuig na h-Iudhaich so ’s a chunnaic iad nach sàsaicheadh ni air bith fuath agus mì-run an t-sluaigh, ach am bàs, mharbh iad féin a chéile, a h-uile ceann teaghlaich a’ cur gu bàs na bha chòmhnuidh fo’n aon fhàrdaich ris—agus an sin ’ga chur féin gu bàs. Tha so oillteil r’a éisdeachd ach gu tric rinn na h-Iudhaich an ni ceudna. Ann an aon Tùr làidir, Caisteal Mhassada ann am Palestine ’nuair thuig na h-Iudhaich nach robh dol as aca, ’s nuair nach b’urra dhoibh seasamh ni b’fhaide, chuir iad an Caisteal agus na pailliuna dreachmhor anns an robh iad, ri theine, agus an sin chuir siad iad féin gu bàs. Mar so chaochail os ceann mìle de na daoine truagha so. Ri linn an III. Eanruig a h-aon de rìghre Shasunn, bha am miann a chùirteirean ni a dheanamh ’na ainm a thoilicheadh a dhaoine agus a chosnadh dha càirdeas na dùthcha; agus ’se an dòigh a ghabh iad, cead thoirt do na Sasunnaich seachd ceud Iudhach a chur gu bàs, an tighean a spùilleadh, agus an Sionagogan a losgadh. Ri linn a cheud rìgh Eideard, chrochadh ann an aon latha ceithir-fichead-deug Iudhach, agus dh’ fhògradh câch as an Rìoghachd. [TD 245] Bha air an àm sin còig-mile-deug air an cur thairis air faondra feadh an t-saoghail, agus o’n àm sin, fad ceithir cheud bliadhna cha robh Iudhach ’san Rìoghachd. Gus o chionn beagan bhliadhnaichean, bha Iudhaich air an losgadh gu bàs ann am Portugal air làithean féille àraidh, mar fhearas-chuideachd do ’n t-slùagh. ’S ann o chionn ghoirid a sguir a gheur-leanmhuinn bha air a dheanamh orra am Prussia, agus ’s a Ghearmailt. Ach dhùisg corruich Eaglais na Ròimhe as ùr ’nan aghaidh, agus tha ’m Pàpa co naimhdeil d’an taobh ’sa bha a sheòrsa riamh. Tha gus an latha ’n diugh reachdan an déigh reachdan air an cur a mach ’nan aghaidh ann an Russia. Cha’n fhaod iad tàmh a ghabhail ann an aon bhaile mòr an Russia ge farsuing i, gun chead ’s gun litir o’n chùirt. ’S éiginn doibh an Rìoghachd fhàgail air bàirlinn aon mhionaide. Tha na nithe sin uile a’ togail fianuis air fìrinn focal Dé, agus a’ taisbeanadh dhuinn mar a choimhlionadh na dh’ innseadh roimh làimh le Fàidhean an Tighearna. Gu’m bitheadh an sluagh so air am fògradh as an dùthaich fèin. Nach faigheadh iad làrach bonn an coise do dh’ àite bhuineadh dhoibh féin, Nach bitheadh iad comasach air seasamh a mach ’an aghaidh an naimhdean. Gu ’m bitheadh iad air am milleadh—air an sgrios—fo ocras—fo thart—ann an dì—’an cruaidh-chàs—’am bròn, agus mar chomharradh agus mar ionganta sdo rìoghachdan an t-saoghail. Thuirt Maois, Deut. xxviii. 59. An sin ni an Tighearna do phlàighean iongantach, agus plàighean do shliochd, eadhon plàighean mora agus maireannach, agus eucailean cràiteach agus fadalach. Nach fìor an fhàisneachd so! Ciod an sluagh no an dùthaich adh’fhuiling a leithid, plàighean co mòr ’s co maireannach. Bha iad mòr da rìreadh mar chunnaic sinn, agus bha iad maireannach. Mhair iad a nis ochd-ceud-deug bliadhna, agus cha d’ thainig iad fhathasd gu crìch. So agaibh a nis a luchd-leughaidh ionmhuinn, mìorbhuil mhòr fa choinneamh ar sùl. So agaibh preas Mhaois a’ sìor losgadh, gidheadh gun a bhi air a mhilleadh gu tur. So agaibh fàisneachd air a tabhairt o chionn trì mìle bliadhna agus a coimhlionadh an diugh fein, air a cheart àm so fa choinneamh ar sùl. Am bheil e comasach nach cuir so an t-iongantas a’s mò oirbh, agus nach éignich e sibh gu éigheach a mach—tha làmh Dhé r’a faicinn ’s an eachdraidh so—Se am Bìobull leabhar Dhé—’se spiorad an Tighearna a dheachd e! Tha iomad fàisneachd eile mu thimchioll nan Iudhach a’s airidh air ar smuaintean, agus feuchaidh sinn iadsan a chur m’ ar coinneamh ’s an ath-àireamh COMHRADH NA H-ATHA. Lachlann Bàn a’ tìreadh ’san àth;an sgalag agus na buachaillean a rùsgadh caoil—Seòrus nan Long aig innse naidheachd air a thurus-cuain do cheann tuath an t-saoghail. Lachlann. An cluinn thusa mi ’ille bhàin, gabh mo chomhairle’s dean suidhe, fuirich a mach no stigh: ’s tog do d’ fhalbhanachd, * Faodar làn chreideas a thoirt do gach focal a tha Seorus nan Long ag innseadh. [TD 246] mar gu’m biodh cearc aig iarraidh nid; an saoil thu an leig mi ’n tìreadh an cunnart air do shon-sa; dean suidhe a gharraich: cha’n’eil thu co iasgaidh ’nuair dh’ iarrar ort gluasad. Seorus. Gach ceann buill da; an t-urram dha seach aon ni chunnaic mi riamh gu smachd a chumail air a leithid. Sgalag. Theagamh a Sheòruis gu ’n d’ fhiosraich sibh féin sin latha g’an robh sibh. Seorus. ’S coma sin dhuitse, ma dh’ fhiosraich thoill mi e. Gheibh an lunndaire ’s gille nan car, theid mise ’n urras air, am fiachainn an luing chogaidh—ach bithidh duine’na earalas, iasgaidh, tapaidh, ùmhail air ceann a ghnothuich ’s cha ’n ’eil aite ’m faigh e giullachd a’s fearr. Bha mi còig-bliadhna-fichead air luingeais cogaidh do gach seòrsa,—bha mi air mo leaghadh fo ghréin loisgich nan Innsean fo theas nach d’ fhairich fuachd; agus air mo reothadh an lag na gaoithe tuath, measg sneachd air nach d’ thainig aiteabh; ’s bha mi sona anns gach àite. Nam bithinn a rithist òg, cha ’n ’eil mi ag ràdh nach h-i ’n long-chogaidh bheirinn orm. Fhuair mi mo chuid féin do dheuchainnean an t-saoghail—’s ioma rutha garbh air an robh mi, agus ’s iomad sealladh eagallach a chunnaic mi: ach ’dé dhe sin, tha mi ’n diugh làidir, fallain. Thainig mi gu cala sàmhach fa dheireadh: tha mo thasdan geal glan agam ’san latha—agus am fear-dìolaidh a ’s fearr air aghaidh an t-saoghail. an Rìgh, an duine còir nach dubhairt riabh rium, cha ’n ’eil e goireasach dhomh an diugh a Sheòruis—ach thig air t-ais a rithist. Buaidh leis fein ’s le a luingeas! So a Lachlainn, gabh greim tombac’ air a thàillibh—’Se fein a chumadh spliùcain a chuid sgioba làn. Lach. C’àit’ an d’ fhuair thu ’n spliùcan bòidheach so a Sheòruis? Seorus. Fhuair mi sin an dùthaich nan ròn, fada, fada mu thuath, ’s a mhuir reòta, far an robh mi leis a mharaiche ainmeil sin, Parry, a chaidh ni b’ fhaide mu thuath na aon duine eile a dh’ fheuch riamh ris. Lach. So ’illean! ma tha ’n grinne caoil sin réidh, gabhaibh a nall agus suidhibh an so mu ’n aingeal, ’s bheir Seòrus còir dhuinn eachdraidh air a thurus-cuain do dhùthaich nan ròn. Seòrus. Ma tà mi sin gu deònach, ach ’s eiginn do’n bhalach bhàn suidhe. Lach. Dean suidhe, a shìochaire lachduinn, s na cluinneam smid a’d’ bheul, fhads’ tha Seòrus a’labhairt. Cuir an crann air a chòmhla, Eachainn òig, ’s lìon an cliabh mòine ’n so làmh rium. Tha sinn a nis deas, a Sheòruis—tòisicheadh sibhse. Seòrus. ’Sann a thri-bliadhn-deug an earraich so a dh’ fhalbh mi air a cheud thurus-cuain le Parry, sgiobair co gleusda ’s a dh’amhairc riabh ri uchd fuaraidh, agus maraiche co misneachail, eòlach ’s a sheas air clàr luinge. Chuir sinn fo sgaoil an Sasunn, deireadh an Earraich, agus ràinig sinn an cuan reòta mu latha Bealltuinn. Sgalag. Gabhaibh mu leisgeul a Sheòruis, ach innsibh dhomh so, c’aite ’n robh sibh a’ dol agus ciod a bha ’nar beachd. Seòrus. Tha thu ceart; bu chòir dhomh bhi air sin innse ’s a cheud dol a mach. Tha fios agam gu’n robh am baothaire sin Calum Seòladair a’ cur amaideachd ’nar cinn m’ an chùis so. Bha e aon [TD 247] bhliadhna aig iasgach na Muice-mara, agus ar leis gur h-aithne dha gach ni. Sgalag. Bha ’cheart duine ’g innse dhòmhsa gu’n do chuireadh a mach sibh air tòir cridhe na gaoithe tuath, a dh’ fheuchainn am faigheadh sibh a cheart áite as a’ bheil i a’ séideadh; agus mar an ceudna dh’fheuchainn am faigheadh sibh a mach co as a bha na fir-chlise ’tighinn, agus ciod bu ghnè dhoibh. Seorus. Am bumaileir truagh! Cha’n’eil ann ach sgonn gun tuigse—innsidh mise dhuit ciod a bha ’nar beachd. Tha fios agad mata, a Lachlainn, o’s tù ’s sine ’nam measg—tha fios agad gu bheil an saoghal cruinn, no air chumadh uibhe, ni’s gairbhe m’an mheadhon no m’a dhà cheann—ceart mar gu’m bi ubh ann. Lach. ’Se sin, fhir mo chridhe, tha iad ag ràdh—ciod am fios tha againne. ’Bheil sibh féin ’ga chreidsinn sin. Seòrus. Gun teagamh tha mi ’ga chreidsinn—nach deach mi mu ’n cuairt ceithir thimchioll an t-saoghail—sìos an dara taobh dhe ’s a nuas an taobh eile? Lach. Ubh! Ubh! a Sheôruis an ann da rìreadh a tha sibh? Seòrus. Cha tig focal as mo bheul a nochd ach smior na fìrinn—’Nall a’ cheirsle-shìomain sin o chùl an doruis, a’s minichidh mise chùis dhuit: Ni sinn a cheirsle-shìomain sin ’na samhladh air an t-saoghal, o nach ’eil dealbh a’ chruinne againn air an àm ni ’s fearr na i. Sgalag. Nach mi féin an gille a’ giùlan an t-saoghail. Sin i agaibh a nise, ’s feuchaibh an toir sibh òirnne cumadh an t-saoghail a thuigsinn. Seòrus. Gabh a h-aon de na slatan sin ’ille bhig ’s dean leth-dusan pinne dhòmhsa. Sin thu mo ghille tapaidh—dean suidhe ’nis—agus feuchaidh mi a chùis a mhìneachadh. ’Si a cheirsle-shìomain so, mata, an saoghal. Cuiridh mi pinne ann an so air a mullach, agus pinne eile gu h-ìosal m’a choinneamh. Nach soilleir mata na’m biodh tu ann an luing a’seòladh air falbh o’n phinne so tha air mullach na ceirsle, dh’ ionnsuidh a phinne eile, gu’n cailleadh tu sealladh air bun a phinne air tùs—an sin air a mheadhon, agus fa dheireadh air bàrr, a phinne. Gabh air t-aghaidh ’san luing mar tha mo làmh a’ dol, agus ri ùine thig bàrr a phinne ìosail ’s an t-sealladh, agus mu dheireadh tha thu aig a bhun. Gabh air t-aghaidh mar sin mu thimchioll na ceirsle agus thig thu dh’ ionnsuidh a cheud phinne dh’ fhàg thu—a nuas air a chùl chum a cheart àite ’s an do thog thu do shiùil an latha dh’ fhàg thu’n cala. ’S ann ceart mar so tha e tachairt air a chuan. Caillidh tu air tùs an cladach, agus ri ùine, bàrr nam beann. Mar tha thu gabhail air t-aghaidh tha bàrr croinn a tighinn ’san t-sealladh, tamull beag an déigh sin chì thu siùil ard na luinge—an sin na siùil ìosal, agus ma dheireadh slige an t-soitheich. Gabh thairis gu tìr chéin agus chì thu binnein nam beann a’s àirde tighinn ’san t-sealladh, agus uidh air uidh, gu ruig an cladach. Lach. Ar leam gu bheil mi ’gar tuigsinn—ach nach robh sibh a’ dol a dh’ innse ciod a chuir Capt. Parry agus feadhain eile chum a chuain reòta. Seorus. Air t-athais. Faic far a’ bheil mo làmh dheas air a cheirsle: cuiridh mi pinne ’so—’Se sin Eilean Bhreatunn, agus a suas mar tha mo làmh a’ dol air a cheirsle tha’n Roinn-Eòrpa sìneadh a [TD 248] mach gus a’ bheil i ruigheachd ceann tuath Asia, ann an so far an cuir mi pinne eile. So agad ceann mu thuath an t-seann saoghail. Calg dhìreach mu choinneamh a phinne so tha ceann tuath America, agus an sin cuiridh mi pinne eile. Tha America a’ sìneadh suas gu fada mu dheas fa chomhair na Roinn-Eòrpa, agus cuan mòr ris an can iad an cuan Atlantic eadar riu. Nis, tha thu faicinn an dà phinne so fa chomhair a chéile—a h-aon an ceann tuath America agus a h-aon eile an ceann tuath Asia. Bha mhiann oirnn fios cinnteach fhaotainn an robh caolas fosgailte eadar an dà phinne sin, eadar America agus Asia. Bha fios do ghnàth gu’n robh gach caolas agus muir anns na cearna sin reòta; ach bha toil aig Breatunn fios fhaotainn an robh e comasach slighe seòlaidh fhaotainn tre na cuantaibh reòta sin, agus air an t-slighe sin dol a nùnn o’n chuan Atlantic tha eadar Breatunn agus an Roinn-Eòrpa dh’ ionnsuidh a chuain mhòir tha taobh eile ’n t-saoghail—an cuan sìothchainteach.* Lach. Tha mi tuigsinn—ach innsibh so dhomh, ged a gheibheadh sibh roimh na caoil sin, agus ged a dh’ amaiseadh sibh air slighe chosnadh rompa, ciod a bhuannachd a bhiodh ann ’na dhéigh sin gu léir? C’àit’ an rachadh sibh an déigh dol a mach? Seorus. Tha do cheist pongail. Amhairc mata a rìs air a’ cheirsle-shìomain. So agad mar thubhairt mi, Breatunn. Taobh eile na ceirsle tha àiteachan a bhuineas do Bhreatunn. Tha Innsean na h-airde ’n Ear—tha Rìoghachdan mòra eile mar tha China as a bheil an tea a’ tighinn—agus buidhnean de dh’ eileanan ris a bheil sinn a’ cumail malairt. Air an àm, ’s ann mu dheas a’s àbhaist do luingeas seòladh do na cearna sin: Tha’n t-astar mu dheas anabarrach fada. Ach nach soirbh dhuit a thuigsinn ’nam faigheamaid a mach eadar an dà phinne sin, se sin eadar America mu thuath agus Asia gu ’m buaidhaicheamaid ath-ghoirid mòr—’s gu’m faigheadh ar luingeis a nùnn do na h-innsean an ear an ùine ghoirid. Agus nach ’eil so a rithist a dearbhadh dhuit gu bheil an saoghal cruinn. Falbh thusa agus fear eile mach air blàr còmhnard—Gabhadh fear agaibh mu dheas agus fear mu thuath, agus càit an coinnicheadh sibh? Cha choinnicheadh gu dìlinn nam bu chòmhnard an saoghal; ach amhairc air a cheirsle-shìomain, dealbh an t-saoghail, agus tuigidh tu na ’m falbhadh dà chuileig o’n aon âite, nan gabhadh a h-aon diubh mu dheas, agus an t-aon eile mu thuath, agus na ’n siùbhladh iad leis an aon luas, gu dìreach air an aghart, choinnicheadh iad, gob ri gob, calg-dhìreach taobh eile na ceirsle fa chomhair an àite dh’fhàg iad. Lach. Air m’fhocal fìrinneach tha mi ’g a d’ thuigsinn—Bha toil agaibh ath-ghoirid ’fhaotainn roimh na cuain reòta mu thuath nùnn gu taobh eile an t-saoghail an àite dol mu dheas;—do bhrìgh nach ’eil an t-astar co fada ’n dara rathad ’s a tha e’n rathad eile. An t-urram do ’n cheirsle-shìomain! Tog do shiùil ma tà—gabh mu thuath—ciamar a bhuadhaich na bha ’nar beachd. Seorus. Ràinig sinn a mhuir reòta toiseach an t-Samhraidh, agus fhuair sinn sinn fèin am measg eileanan eighe bha àillidh ri amharc orra, ach ’nan culaidh uamhais ri tighinn tarsuinn orra Tha’n eigh so tha snàmh nan * Pacific Ocean. [TD 249] cuantan mòra sin, mar dhùthchaibh farsuing fo shneachd’ a gheamhraidh. Tha cuid de’n eigheannaich reòta sin ceithir cheud mìle air fad—agus ceud ’s dâ cheud mìle air leud. Tha i còig ’s a sè ceud slat air tiuighead, a chuid a’s mò dhi fo shàile. Tha cuid de na h-eileanan reòta sin air uairibh aig èiridh gu àirde mhòr, mar bheanntan àrda agus corrach. Tha e anabarrach cunnartach a bhi seòladh eadar na mill oillteil sin. Tha iad a’ snàmh air falbh leis an t-sruth tha dol mu dheas; agus ’nuair thig iad an caramh a chéile tha ’n toirm a ni iad uamhasach r’a éisdeachd, mar gu’m biodh an saoghal a’ spealgadh as a chéile ’na bhloighdibh. ’S minig a chuir sinn ar n-achdair orra—ged a b’ fhearr leinn gu mòr fuireach uapa. Ri dealradh grèine tha iad àillidh, boillsgeanta: Cha’n ’eil cumadh no dreach nach gabh iad. Saoilidh tu air uairibh gu bheil cabhlach mòr luingeas fo làn uidheam a’ gabhail a nìos ’nad choinneamh—saoilidh tu ’n ath-uair gu bheil baile mòr a’ tighinn ’san amharc—Chi thu ar-leat, Caisteal—turaidean—eaglaisean agus stìobuill a’ boillsgeadh ri gathaibh na gréine le gach dath ’s a bhreacan; air chor’s gu bheil iad ciatach dreachmhor ri amharc orra—ach am Freasdal a thèarnadh mo chàirdean o theachd eatorra! Sgalag. Thuirt sibh gu’n robh iad a’ snàmh leis an t-sruth—C’àite ’m bheil iad a’ dol, na c’àite ’m bheil iad a’ stad? Seòrus. Tha iad a’ snàmh mu dheas a dh’ ionnsuidh a chuain mhòir tha eadar America agus an Roinn-Eòrpa, agus ann am blàs nan uisgeachan tlàtha sin, agus fo theas gréin an t-samhraidh, tha iad a’ leaghadh; ach tha cuid diubh a’ fuireach anns na cearna fuara anns an d’ fhàs iad, o linn gu linn, a’ sìor mheudachadh. Lach. An d’ fhuair sibh an seachnadh? Seòrus. Dh’ fheuch sinn ris, mar a b’ fhearr a b’ urra dhuinn, ach fhuair sinn iomad fàsgadh cruaidh eadar riu. Ghabh sinn air ar n-aghaidh a’ tolladh a suas mu thuath, o latha gu latha. Air uairibh bhiomaid reòta gun chomas gluasad; ach thigeadh na dhéigh sin lunn tròm fo’n eigh a sgàineadh i le fuaim oillteil—air falbh rachadh i, a’ fàgail slighe fhosgailte againne. Air iomad uair rachadh stad a chur oirnn le eigh nach biodh ach ceithreamh mhìle air leud, agus chitheamaid o bhàrr a chroinn, a mhuir fosgailte ’n taobh thall de. Cha bhiodh air an sin, ach na h-uile mac màthar a bhi mach gu rathad (mar gu’m faiceadh tu Canal) a dheanamh roi’n eigh, leud na luinge, agus a tarruing tre’n t-slighe sin le buill. Chaidh sinn mar sin air ar n-aghaidh o àite gu àite: sgaoileamaid a h-uile bréid a b’urra dhuinn ’nuair a leigeadh an t-sìd leinn, a’ fàgail dùthaich a’s dùthaich ’s na h-eileanan mòra deighe. O! ’s iomadh maol mòr garbh air an deach sinn seachad a’ gnà smuainteachadh gu’n robh sinn an déigh an caol ceart fhaotainn, ’s gu’m biomaid a nùll gu taobh eile an t-saoghail a thiota. Ciod tha agad air, ach seachduin an déigh seachduin gu’n robh sinn a’ cothachadh ris—a’ dol mu thuath an cois fearainn nach ’eil a choimeas air aghaidh an t-saoghail mhòir—gun lus—gun chraobh—gun duilleach—gun bhlàth—gun duine beò no creutair ceithir-chasach r’a fhaicinn. Sgalag. Am faca sibh idir [TD 250] aon duine o’n a dh’ fhâg sibh ’ur dùthaich féin? Seòrus. Leig dhomh air an àm ’s na cuir grabadh orm—innsidh mi dhuit ’na dhéigh so mu luchd-àiteachaidh nan dùthchannan eagalach sin, is mu na beò-chreutairean a th’ ann air muir ’s air tìr—Ach dh’ fhàg sinn iad sin féin a nis ’nar déigh, agus ràinig sinn tìr an dòlais agus na fàsalachd anns nach robh eun ri fhaicinn air iteig, na iasg a’ snàmh, ach seòrsa de mhuca-mara beaga, geala, a dh’iasgaich sinn air uairibh. Ach ’se chuir iongantas a ’s càiliginn do dh’eagal òirnn, gu ’n do chaill snàthad na combaiste no mar deirear rithe, an tarunn-art, a buaidh. Tha fios agaibh gu’n seas an t-snàthad iùil so no an tarunn-art, do ghnàth anns na cearna so ris an taobh tuath;— Buachaille. Nach e sud an ni chunnaic sinn ann am bogsa beag iaruinn fo ghloine air soitheach na Ceilpe? Lach. Cum air do theangaidh a gharraich, na cuir stad air a sheanachas. Seòrus. Cha ’n amhairceadh mata an tarunn-art ni’s mò chum na h-airde tuath no chum na h-àirde deas; chaill i a buaidh ’s a h-éifeachd gu buileach glan, a’s cha robh stà sùil a thionndadh oirre. Ach na dhèigh so uile ghabh sinn air ar n-aghaidh; Caoil ùra, agus marannan ùra a fosgladh romhainn, agus maoil ùr’ air cùl maoil a’tighinn gach latha ’s an t-sealladh. Latha do na lâithean, ràinig sinn àite àraidh far an d-thainig an tarunn-art no tarunn na combaiste, a rithist beò, agus gu a buaidhibh; ach an àite a gob a chumail ris an àirde tuath, sheas i calg dhìreach ris an àirde deas; a’ dearbhadh léis a so gu’n deach sinn seachad air fior chridhe na h-airde tuath, a chuid sin de’n t-saoghal ris an cum an tarunn-art a ceann c’áite air bith an càirear i. Air an latha so mu mheadhon an fhogharaidh dh’ innis ar sgiobair gasda dhuinn, ’s b’e sin esan! gun do choisinn sinn na còig mile bonn òir a ghealladh do’n cheud luing a ruigeadh an t-àite so. Cha ruig mi leas innse gu ’n do thog sinn iolach ghàirdeachais. Ceithir-la-deug na dhéigh sin chunnaic sinn nach robh stà bhi strì ni b’fhaide. Bha’n geamhradh a nis a’tòiseachadh, eigh ùr a’tighinn air na h-uisgeachan. B’éiginn pilleadh agus cala acarsaid fhaotainn anns an cuireamaid seachad an geamhradh. Cha b’e sin an fhala-dhà, ach chuir sinn ar guala ris, agus shoirbhich leinn. Thilg sinn acair, sinn féin agus an long eile bha ’sa chuideachd, an àite fasgach. Phaisg sinn na siùil agus ann an ceann dà latha bha sinn co teann reòta ’s nach robh cumhachd air thalamh a b’ urrainn ar fuasgladh, Lach. An d’ fhan sibh an sin fad a gheamhraidh? Seòrus. ’Sinn a dh’ fhan, agus ged a bha ’m fuachd coimheach ’s gann a bha dì na deireas oirnn. Bha ar sàth béidh againn—de fhèoil a phronnadh an Sasunn agus a chuireadh a suas ann an soithichean dìonach, le innleachd co mòr ’s ged nach robh gràinne salainn oirre, gu’n do sheas i fallain, blasda ré na h-ùine. Bha eanaraich againn gach latha—fìon a’s beòir,—ach cha tugadh iad deur spioraid dhuinn, a thaobh nach robh sin tèaruinte dhuinn. Lach. An robh ’ur leòir connaidh agaibh—teine maith agaibh? Seorus. Cha’n fhaod mi ràdh [TD 251] nach robh, ’s bha feum air: Chitheadh tu an deò analach mar thigeadh e mach as a bheul, a’ tuiteam ’na cheòthraich reòta, ’s ’na shneachd air an ùrlar. Nam beanadh tu do dh’iarunn le d’làimh, gun ni eadar thu’s e, dh’fhàgadh tu a leud do d’ chraicionn air, mar gu’n glacadh tu gàd dearg, teinnteach. Lach. A mhic chridhe! Nach bi dùthaich na h-oillt i! ach cia mar chuir sibh seachad an aimsir? Seòrus. Bha cuid a’ leughadh, cuid a’ sgrìobhadh; agus bha mar fhiachaibh oirnn a h-uile latha, moch a’s anmoch ruith air déigh a chéile air clàr na luinge, co luath ’s a b’ urrainn ar dà chois ar giùlan, a chumail lùs ’nar casan, agus bhiomaid a’ dannsadh ’s a’ leum, ’s a’feuchainn a h-uile cleas a b’ fhearr na chéile chum am fuachd a chumail air falbh. Lach. Ach an robh teas idir ’s a ghréin air a mheadhon latha? Seòrus. Teas ’sa ghréin! a mhic chridhe—sin a ghnùis nach faca sinne fad thrì mìosan maith agus deich làithean. Lach. Ciod tha thu ag ràdh? Ne nach faca tu a ghrian fad thrì mìosan a’s deich lathan! Seòrus. Cha’n fhaca—bu doirbh dhomh, ’s gun i ann. Chaidh i fodha oirnn air latha deireannach an fhogharaidh, agus cha’n fhaca sinn an t-ath-shealladh dhi gus an deicheamh latha de cheud mhìos an Earraich. Lach. Fhearaibh ’s a ghaoil! an cuala duine riamh a leithid? an robh sibh ann an dorchadas fad trì mìosan a gheamhraidh? Seòrus. Cha robh idir. Tha freasdal an Tighearna caoimhneil anns na dùthchanna sin mar anns gach àite. Rè nan trì mìosan sin tha a ghealach làn againn, gun dol as an t-sealladh a latha na dh’ oidhche; agus nì chuireas barrachd iongantais ort, an déigh a cheathramh-la-deug de’n mhàigh, cha teid a ghrian fodha tuille na as an t-sealladh a latha no dh’ oidhche gus an teid i fodha gu buileach deireadh an fhogharaidh: air chor agus fad chòig mîosan nach’eil dealachadh sam bith eadar latha agus oidhche. Lach. An robh na speuran soilleir, glan, fad nam mìosan dorcha sin? Seòrus. Bha mi dol a dh-innse dhuit, gu’n robh iad ni ’s soilleire na chunnaic thusa riamh oidhche fhogharaidh san dùthaich so. Bha na fir-chlise a’ cur nan car dhiubh fad na h-ùine—agus b’ iad sin na fir-chlise mhòra aighearach. Cha’n ’eil cainnt agamsa bheir dhuit am beachd a’s faoine air gluasad boillsgeanta siùbhlach nan soluis iongantach so. Chì thu na speuran o thaobh gu taobh, làn dhiubh—fo dheich mìle cumadh agus dreach. Tha iad an dràsd buidhe, ’s am prioba na sùl tha iad dearg, lasrach. Tha iad san aon leumnaich chlis, bhrisg, an dràsd—’s an ath mhionaid cha’n eil coslas dhiubh r’a fhaicinn. Cluinnidh tu iad a’ spreadhadh ’s a fuaimnich le srann àrd, a chuireadh oillt air duine nach robh eòlach orra. Lach. Cò sud a mach a’ bualadh aig an dorus? Ciod tha dhì air a bhanaraich? Ban. Cuiribh a mach na buachaillean a dh’ fhodradh nam beathaichean—tha’m buntàta air tighinn deth—gabhaibh a nall, a Sheòruis. Lach. Cha’n ’eil comas air. Tha dòchas agam gu bheil oidhche eile ’tighinn. Cha bhi mi féin toilichte gus an cluinn mi deireadh a ghnothaich. [TD 252] Sgalag. Fheudail a Sheòruis, na h-innsibh focal tuille gus an suidh sinn air fad a rìs an so le chéile. Seòrus. Cha ’n innis focal, a laochain—tha mòran agam fathasd ri innse dhuibh mu luchd-àiteachaidh nan dùthchanna sin—mu na h-Eisgemothaich—mu na ròin—na sionnaich gheala—na madaidh-alluidh—na math-ghamhna—na tairbh-uisge—agus iomad ni iongantach eile a chunnaic mi. Ach tha uaìnn a bhi gabhail a nùnn—och—och, ’se sin an t-aingeal suilbhearra taitneach tha agads’ a Lachlainn—bu phriseil e ’san àite m’ an robh sinn a’ labhairt, ged a’s dì-chuimhneach sinn air beannachadh an Tighearna ’s an dùthaich shona so. Campsie, 1831. T. M‘L. EACHDRAIDH NA H-ALBA. 1639-1644. Air a toirt air a h-aghaidh o ’n àireamh mu dheireadh. Cha b’ fhada sheas an t-sìth tholgach a rinneadh eadar Righ Tearlach agus na Cùmhnantaich. Bha iad cealgach taobh air thaobh, agus déigheil air gach cothrom a ghabhail air a chéile. Bha iad làn chinnteach gu ’n tigeadh a chùis gu mèinn a chlaidheimh, agus air an aobhar sin, rinn iad gach uidheamachadh a bha ’nan comas chum bhi deas airson cogaidh. Agus cha b’ fhada gus an robh cogadh air bonn eatorra. Fhuair Righ Tearlach fios gu ’n robh na Cùmhnantaich a sgriobhadh a dh’ ionnsuidh Righ na Frainge e chuideachadh leò—Bha so na cheannairc na aghaidh; agus chuir e roimhe gach dìchioll a bha na chomas a chleachdadh chum an smachdachadh. Bha air an àm so aimhreit mhòr eadar e fein agus Pàrlamaid Shasunn; dhiùlt iad cobhair air bith a thoirt dà—ach thog e cìs, gun an toil iarraidh—fhuair e còmhnadh ann an òr a nall á Eirinn—ghabh e ’n iasad na b’ urra dha fhaotainn o chùirteirean agus o na h-uaislean a bha dlùth dha—agus mar so chuir e air chois mìle-thar-fhichead do dh’arm—leis na chuir e roimhe laimhseachadh cruaidh dheanamh air luchd a Chùmhnaint. Ach cha robh ’s an arm so thog an Righ ach gràisg leibideach o shràidibh Lunnuinn nach do tharruing claidheamh riamh, agus nach mò a loisg urchair ri uchd nâmhaid. Cha robh na Cùmhnantaich air deireadh ann an cur an cuid airm cruinn. Thog iadsan còig-mìle-fichead de cheatharnaich churanta threuna—de dhaoine foghainteach lasgarra, a bha air an lìonadh le eud naomh, agus fo bhòid an sochairean spioradail a chosnadh no bàsachadh ’s an oidheirp. Chuir na Cùmhnantaich rompa Sasunn a thoirt orra. Fhuair iad misneach gu so a dheanamh o litrichibh bha tighinn d’an ionnsuidh o uaislibh arda bha ’s an dùthaich sin, agus a bha co fad an aghaidh an Righ ’s a bha iad fein. Ach mun do thog iad orra gu Sasunn, smuaintich iad gu ’n robh e ceart càirdean an Righ air feadh Albuinn a smachdachadh, an earalas gu’n éireadh iad air a shon an déigh dhoibhsan an dùthaich fhàgail. Chum na crìche so chuir iad duine eudmhor dhiubh a chloinn-an-Rothaich a mhuinntir Shiorramachd Rois, a mach feadh chrìocha tuathach no rìoghachd rathad Aberaidhein le feachd [TD 253] láidir chum sgrios a’s losgadh agus creach a dheanamh air fearann gach duine nach robh càirdeil doibh. Rinn an duine fuilteach ana-cneasda so gach milleadh a’s sgrios a bha na chomas—oir iochd cha robh na chòm. Chuir iad Iarl’ Earraighàidheal, mac Chailein mhòir, le arm eile a mach feadh Shiorramachd Pheairt agus troimh Bhàideanach. Ma bha Mac-an-Rothaich na bhéist gun tlus gun tròcair, cha b’e Mac-Chailein bonn a b’ fhearr. Cha robh ceartas no truas ann an cridhe an duine so. Bha e air a bhrosnachadh gu losgadh agus gu sgrios leis an t-sannt bu mhallaichte agus leis an dìoghaltas a b’ oillteala. Mhurt agus mharbh e mnathan agus clann—òg a’s sean. Loisg e tighinn, ’s chreach e gach fearann a bhuineadh dhoibh d’ an robh e ann am fuath. Cha’n ’eil e comasach eachdraidh nan linntean truagha sin a leughadh gun uamhas: ged thug Dia na mhaitheas mòran maith, saorsa agus sonas d’ ar dùthaich nan lorg. Bha cealgaireachd oillteil air a chleachdadh, daoine dol a mach fo chleòca creidimh agus fo shamhladh diadhachd, le ùrnuighean fada agus sailm air am bilibh—Criosd agus an nuath-cheangal naomh aca mar ghlaodh-catha; agus na dhéigh so uile, foill a’s foirneart—losgadh—murt agus creach, a’ comharrachadh a mach na h-uile ceum d’an turus. Thug Mac-Chailein sgrios buileach air fearann nan Ogilvies—air moran do thir Atholl—loisg e tigh na Ceapach—chreach e Bàideanach gu léir—agus phill e fein, agus Mac-an-Rothaich air an ais le laoidhibh molaidh nam beul, agus mallachd nam mìltean ’nan cois, chum dol leis na Cùmhnantaich suas do Shasunn. Thog iad orra toiseach’ an t-samhraidh ’sa bhliadhna 1640, chum an Righ a ruigheachd, agus fàth an gearain a leigeil ris da. Ghabh iad air an aghaidh gun ghrabadh no bachdadh air bith gus an d’ ràinig iad dlùth do bhaile a Chaisteil-nomha.* Chaidh feachd Sasunnach a mach as a bhaile mhòr so ’chur stad orra—ach chuir na Cùmhnantaich an ruaig orra an tiota. Cha robh e’n comas an Righ an coinneachadh agus blâr a chur. Dhiùlt a Pharlamaid gach cobhair agus còmhnadh a thoirt da. Dh’ fheuch e air an aobhar sin sith agus rèite a dheanamh riu. Leigeadh gach cùis a bha eadar e fein agus iadsan gu mèinn dhaoine measail, a dh’ ainmicheadh taobh air thaobh. Cha robh aig an Righ ach géilleachduinn do gach nì chuir iad m ’a choinneamh. Fhuair am feachd Albannach ochd-ceud-gu-leth punnd Sasunnach ’s an latha fhad ’s a dh’ fhuirich iad ann an Sasunn, agus leth-cheud-mile punnd Sasunnach an latha dh’fhàg iad e. Thainig an Righ a nuas a dh’ Albuinn ’s a bhliadhna 1641. Cho’-aontaich e ’s a chùmhnant-naomh; agus chleachd e h-uile dìchioll chum na Cùmhnantaich a thoileachadh. Chaidh e gach latha sàbaid agus gu tric air lâithean eile dh’éisdeachd am ministeirean, agus shuidheadh e le coslas. cràbhach a dh’ éisdeachd searmoinean a mhair o mhaduinn gu feasgar; ach cha robh so uile ach cleòc air an leth a muigh chum am mealladh—bha e na chridhe co fuathach orra ’s a bha e riamh. ’S fhada chumar cuimhne air a bhliadhna thruaigh so ann an eachdraidh na Rìoghachd. ’S ann ’s a bhliadhna so a rinneadh an casgradh dì-mhillteach air luchd a * Newcastle. [TD 254] chreidimh ath-leasaichte ann an Eirinn, a’s uamhasaiche air am bheil cunntas againn. Is doirbh dhuinn a chreidsinn na gniomharra oillteil as an robh Sir Phelim O’neill agus na pàpanaich Eireannach ciontach air an àm so. Chuireadh òg agus sean, bochd agus beartach gu bàs. Cha robh innleachd eagalach oillteil a b’ urrainn an t-Abharsair e fein a chur nan cridheachan nach d’ fheuch iad an aghaidh gach duine nach buineadh do Eaglais na Ròimhe. Anns a chasgairt dhò-bheartach so bhàsaich dà cheud mìle. Dhùis am murt uamhasach so oillt anns gach cridhe, agus thug e air na Cùmhnantaich seasamh a mach na bu tréine agus na bu dearrasaiche airson an sochairibh spioradail na rinn iad riamh; agus dhùisg an sgrios oillteil so, mar an ceudna, fuath an aghaidh an Righ agus nan Cùirteirean pàpanach a bha na chomhairle. ’S a bhliadhna 1643. phill Tearlach air ’ais do Lunnuinn, agus chunnaic e gu’n robh na Sasunnaich co fada na aghaidh, agus na bu cheannairciche gu mòr na muinntir Albuinn. Thog e arm chum a Pharlamaid a cheannsachadh. Bha ’n cogadh a nis air bonn, eadar an Righ agus a Pharlamaid: cogadh truagh, fuileachdach, a thug iomad tubaist agus teugmhail thruagh na chois. Air tùs a chogaidh so fhuair an Righ buaidh anns gach blàr, agus cha’ n’ eil teagamh nach biodh e air a Pharlamaid a cheannsachadh nam fuirgheadh na Cùmhnantaich air an ais. Ach chuireadh a nuas Flaithean arda Sasunnach a rinn geallaidhnean mòra, agus le mealladh agus brosgul a bhrosnuich na h-Albannaich gu airm a thogail as leth na Parlamaid agus an aghaidh an Righ. Chruinnich diadhairean foghluimte measail a mhuinntir Shasunn, agus cuid a mhuinntir Albuinn ann an Westminster a shocrachadh gach pong agus cùis a bhuineadh do chreidimh agus do ghnothuichean na h-Eaglaise. Tharruing iad so a mach an nuath-cho’-cheangal naomh, anns an do cho’-aontaich a Pharlamaid. Thog Albuinn fichead mìle saighdear treun, tapaidh; agus thog iad orra meadhon a gheamhraidh, suas do Shasunn, chum an Righ truagh agus a chairdean a chur fo chois. ’Sann air an àm so chuir Iarla Mhontrose cùl ris na Cùmhnantaich agus a thionndaidh e leis an Righ. Ghabh e gu h-olc nach d’ rinneadh e fein na ard-cheannard thairis air an arm Albannach, an àite Alasdair Leslie. Thrèig e uime sin na Cùmhnantaich, agus thog e a bhratach a leth an Righ. Phill e do dh’ Albuinn, agus thòisich an cogadh sin air an cuala sinn co tric iomradh aig na seanachaidhean a dh’ fhalbh, agus air am feuch sinn cunntas a thoirt na dhéigh so, ma chaonar sinn fein agus an Teachdaire. Campsie, 1831. T. M‘L. Mu Chraobhan iongantach an t-saoghail. ’S an àireamh mu dheireadh thug sinn cunntas seachad air cuid de chraobhan iongantach an t-saoghail; agus théid sinn a nis air ar n-aghaidh gu labhairt mu sheòrs’ eile dhiubh. Tha leithid so de eòlas taitneach; na h-uile ceum mar théid sinn air ar n-aghaidh, sa h-uile craobh ùr air an cluinn sinn iomradh, gheibh sinn dearbhadh ùr air gliocas—cumhachd, agus maitheas an Tì ghlòr- [TD 255] mhoir a chruthaich iad agus a thug do gach aon diubh am buaidhean fein fa leith. Cha dean sinn san Aireamh so ach cunntas a thoirt air aon chraoibh—Ban-righ chraobhan an t-saoghail uile. Craobh fhìogais Innsean na h-àird an Ear, no a Chraobh Bhanian, mar theirear rithe air uairibh. Tha mòran de’n t-seòrsa so air feadh nan Innsean, ach ’sann ann an Hindostan a tha’n t-aon is mò air an t-saoghal diubh. Tha i so air a h-ainmeachadh as déigh Cuiltich, no mar a deir iad fein—Naomh iomraiteach a bha fada chòmhnuidh foidhpe, d’am b’ainm Cubber Burr. ’S i a chraobh mhòr fhiogais so a chraobh is dreachmhoire a chunnaic duine riamh. Do thaobh nàdur na craoibhe so cha ’n urra dhi fàillneachadh, ma leigear leatha. Tha aic’ aon stoc a tha dìreadh suas gu àirde mhòr, mu bheil beur no meanglan a’fàs aisge. Tha na meòir sin a’ sïneadh a mach fada o’n stoc—agus sin mar fhichead no dà fhichead troidh o’n stoc, tha ceann nam meanglan a’ lùbadh a dh’ ionnsuidh an láir, agus a’ freumhachadh as ùr san talamh. Tha iad so nan stuic ùra, agus a fàs nan craobhan ùr a’ cur a mach mheanglan mar rinn a cheud stoc—agus nan taic fo ’n chraoibh. Mar so tha mìle stoc, agus am barrachd aig aon chraoibh, agus i do ghnà a’ sior sgaoileadh a mach ’am farsuingeachd. Tha cuid diubh so a’ togail cùig agus sè acraichean fearainn fodhpa; agus tha an geugan no am meanglain a’ sineadh a mach co fada man cuairt air gach laimh, ’s gu’m feudadh 10,000 saighdear fasgadh ghabhail fo a sgàile. Tha trì mìle stoc fo’n chraoibh mhoir air a bheil mi labhairt, agus a chuid is mò dhiubh sin ni ’s mò na stoc na craoibhe is àirde tha fàs ’an Albuinn. Tha i o linn gu linn a’ cur a mach mheanglan ùr, agus is doirbh a ràdh c’ àite no c’ uin a sguireas i o fhàs. Fo sgàile na craoibhe so ’s àbhaist do na h-Innseanaich féill mhòr a chumail air gach bliadhna, far am bi air uairibh 7000 pearsa a làthair. Tha meas mòr aig na Hindoos oirre. Tha i ’nam beachd na samhladh air an Tì d’a bheil iad a’ deanamh aoraidh. Tha cuid de shagartan do ghnà a chòmhnuidh foidhpe; agus iomadai tigh aoraidh air a thogail na coimhearsnachd. Tha iomad seòrsa de bheo chreutairean a tathaich geugan lionmhor, fasgach, fiunnar na craoibhe so. Calmain uaine—peucagan, agus iomadh seorsa de dh’eòin. Chitear nathraichean lùbach riabhach a’ snàgail o ghéig gu géig—feoragain, agus gach seorsa de apachan, a’ mireag ’s a leumnaich air an ais agus air an aghaidh; agus seòrsa de ialtagan mòra tha tomhas sé troidhean o sgéith gu sgéith. Cha’n e mhàin gu bheil a chraobh mhòr so a’ toirt fasgaidh, ach tha i mar an ceudna a’ toirt lòin do gach creutair at a’ga tadhall, le lionmhoireachd nam f ogaisean fallain a tha cinntinn oirre. Is minic, arsa fear-turuis ainmeil, a shuidh mi fad latha fo sgàil na craoibhe so, a’ gabhail beachd air innleachdan nan apachan, a’ teagasg an àil òig aca; ’gam foghlum gu leum o ghéig gu géig—’gam brosgul an dara uair—agus ’gam bagradh an uair eile—agus air uairibh a’ gabhail doibh gu maith sgairteil ’nuair bhiodh iad dìorrasach. Tha na h-apachan fuathach air na nathraichibh, agus ro fhurachair m’an tig iad a dh’ ionnsuidh an àil òig. Glacaidh iad iad gu [TD 256] seòlta, ’nuair tha iad nan suain, gu gramail air amhaich; agus ruithidh iad leo chum na cloiche is dlùithe dhoibh, agus buailidh iad an cinn air a chloich gus nach fàg iad sgrid annta. Seasaidh an seorsa chraobh so ni ’s faide na aon seors’ eile air a bheil cunntas againn. Tha cuid diubh na ceuda bliadhn’ a’ fàs gu h-ùrar àillidh, Tha e air a ràdh le fear-turuis ainmeil (Forbes) a tha fhathast beo, gu’n do sheas e fein fo’n cheart chraoibh fhìogais far an d’ fhuair Alasdair uaibhreach, mac Righ Philip, agus a mharc-shluagh fasgadh: agus tha o sin còrr agus tri cheud bliadhna roimh bhreith ar Slànuighear. Cia prìseil fasgadh agus sgàile na craoibhe mòire so fo ghréin loisgich nan Innsean! ge h-ain-eolach an sluagh truagh, a tha trusadh gu tric foidhpe, air an Tì ghlòrmhor agus àrd, a chàirich i san tìr. Campsie, 1831. T. M‘L. An Dobhar-chù, no an Leas-leathan.* Nam b’àill leinn fios fhaotainn air gliocas agus gnìomhachas iongantach cuid de bheothaichean, ’s èiginn beachd a ghabhail orra ann an dùthchannan iomallach agus neo-àitichte, far nach ’eil iad air an sgapadh, agus air an iomain o chéile le Mac an duine;—agus far a bheil cothrom aca air an innleachdan fein fheuchainn o linn gu linn gun bhacadh no gun sgàth. ’Measg uile bheathaichean ceithir-chosach air a ’bheil cùnntas againn, cha ’n ’eil creutair eil’ ann a tha toirt dearbhadh air gliocas agus seòltachd co mòr ris na Dobhar-choin. Tha iad a’ teachd ni’s dlùithe air a chinneadh dhaonna na aon chomunn eile tha ri fhaotainn. Cha ’n ’eil an dobhar-chu leis fein ’na aonar a bheag’ ni’s glioca no ni’s seòlta na ioma beathach eile; cha’n ’eil e co glic ri cu-chaorach, no idir co seòlta ris a mhadadh-ruadh; ach anns na dùthcha’ sin far a’ bheil iad lìonmhor, agus ’nan treuda mòra, agus nach ’eil sgàth na eagal orra roi’ mhac an duine, ’s neònach da rìreadh r’ a leughadh eachdraidh nan creutairean tapaidh so. Tha ’n dobhar-chu céin-thireach na sheòrsa creutair eadar Iasg an uisge agus beathaichean ceithir-chosach: ’S coingeir leis uisge no tìr, agus tha sinn a’ smuainteachadh nacm miste le ’r luchd-dùthcha cùnntas fhaotainn air an dòigh iongantaich leis an àbhaist do na creutairean so an tighean agus am bailtean mòra a thogail. ’S iomad duine aig am bheil Ad Beaver air a cheann, a tha co aineolach ri naoidhean na c’che air eachdraidh a bheathaich innleachdaich o’n tugadh am bian dubh a tha ’ga còmhdach. ’S ann an America mu thuath tha na dòbhrain dubha r’am faotainn ann an lìonmhoireachd. Mu thoiseach an t-Samhraidh ’s bitheanta leò cruinneachadh chum am bailtean mòra a thogail.† Thig iad cruinn o gach cèarn, ’nam buidhnean gus am bi tr’ no ceithir a cheudan diubh ’s an aon àite. ’S ann aig lochan-uisge no air bruaich aibhne ’s àbhaist leo cruinneachadh. Ma’s ann aig taobh aibhne ’se cheud ni air an tòisich iad, beinge làidir a chur tarsuing na h-aibhne, a dhruideadh a suas an uisge, chum ’s gu’m biodh linne fharsuing réidh aca, * The Beaver. † A dam. [TD 257] agus tha’n togail so air uairibh os ceann ceud troidh air leud agus dusan troidh ann an tiuighead. Tha so ro iongantach ’nuair a chuimhnicheas sinn nach ’eil na beathaichean beaga tha’ga dheanamh ach mu mheudachd na beisde-duibhe, no ’n dobhar-chu tha ’s an dùthaich so féin.—ach ’se an t-seòltachd agus an t-ìnnleachd leis a ’bheil iad a’ cur suas na togalach so an ni ’s iongantaiche air fad. ’S gnàthach leò an obais so a thòiseachadh air a chuid sin an abhainn far a’ bheil craobhan mòra fàs dlùth do bhruaich na h-aibhne. Tha na craobhan so air uairibh sé agus ochd troidhean air chuairt, ach cha’n fhada bhios na beathaichean beaga, ìnnleachdach, saothaireach so ’gan gearradh a sìos gun àsuinn gun acfhuinn ach am fiaclan beaga biorach féin. Tha iad co seòlta anns an obair so ’s gu’n toir iad air a chraoibh tuiteam air a cheart lag bu mhiann leò. Co luath ’s a thuiteas na craobhan mòra, éiridh iad air na meuraibh ’s na geugan a ghearradh dhiubh. Tha cuideachdan eile dhiubh a’ gearradh mhaidean mu thiuighead sliasaid duine, agus cuid a’ gearradh caoil agus shlatan. Sparraidh iad na maidean so gu domhain ’sa ghainmhich cùl nan craobhan mòra, agus fighidh iad an caol agus bàrr nan craobh mu na maidean co innleachdach ’s a dheanadh duine air bith. Tha buidhnean eile dhiubh a’ giùlan clàbar agus criadh agus cuilc, agus luachair, agus seilisdeir leis a’ bheil iad a’ lìonadh suas gach toll agus fosgladh, agus ’ga fhàgail co dìonach ’s nach teid braon uisge roimhe. Tha mòran diubh le ’n casan-toisich agus le’n earbaill a bualadh na criadha gu dlùth, ’ga deanamh co mìn, shleamhuinn, réidh, chòmhnard ’sa b’ urrainn clachair a dheanamh le spàin-aoil. Tha luchd turuis a chunnaic an obair so aig innse dhuinn, nach ’eil ìnnleachd a b’ urra mac an duine a chleachdadh nach ’eil air a thaisbeanadh leis na beathaichean neònach so. Tha tuil-dhorsan aca air an obair so leis an leig iad a mach an t-uisge, agus an dùin iad suas e mar a’s miannach leò. ’Nuair tha ’n linne aca ullamh, tòisichidh iad an sin air an tighean a thogail. Tha iad ’gan togail so a mach air linne air bràigh stob a bha air an sparradh gu dlùth daingeann ’s a ghainmhich. Tha dà dhorus aca air an tighean, aon roi’n teid iad gu tìr agus aon eile tre’n tilg iad iad fein’s an uisge. Tha na tighean so cruinn, cuid diubh còig troidhean agus cuid diubh sé troidhean air leud. Tha cuid diubh aig a’ bheil lobtaichean os ceann a chéile anns a’ bheil luchd-còmhnuidh. Tha balla an tighean dà throidh air tiuighead, agus an t-ùrlar air a leagail leò co réidh ’s ged a bhiodh tàl agus locar an t-saoir air an cleachdadh. Tha na tighean so air an togail le dreach agus eireachdas, agus tha iad air am plàsdadh le criadh agus gainmheach oibrichte co mhìn, réidh ’s ged a b’e fear-cèirde a dheanadh e. Cha ’n’eil dìle ’s urrainn dol roimhe, agus cha’n ’eil gaoth na stoirm a’s urrainn a leagail. Oibrichidh iad a chriadh le ’n cosan agus cuiridh iad gu feum i le ’n earbuill. ’Se ’m biadh a’s taitniche leò cairt mhaoth nan craobhan, agus ’s àbhaist leò mòran dhi so a thasgaidh suas fa chomhair a gheamhraidh. Tha seòmar-taisg anns gach tigh, agus a chuid fein mar so aig gach teaghlach. Cha’n àbhaist leò air [TD 258] àm sam bith goid na méirle dheanamh air an coimhearsnaich. Tha mu dheich tighe-fichead ann an cuid de bhailte, ach am bitheantas cha’n ’eil os ceann dusan tigh annta. Tha fichead Dòbhran air uairibh a chòmhnuidh san aon tigh, an dara leth dhiubh firionn agus an leth eile boirionn. Tha sìth a’s sàmhchair nam measg—tha iad saothaireach, dìchiollach, agus an lorg so, pailteas aca r’a shealbhachadh. Tha naimhdean aca, ach tha iad anabarrach seòlta g’an seachnadh. ’Nuair tha cunnart dlùth bheir iad sanas no brath do chàch a chéile, le ’n earbuill a bhualadh air an uisge. Ni iad mar so fuaim a chluinnear fad’ as, agus anns gach bothan ’sa bhaile. Cha’n ’eil beathach ann a’s urrainn ruigheachd air am bothain, no am milleadh. Rè ’n latha tha iad a snámh na linne, no ’nan suidhe air an tulchainn le’m màsan ’san uisge. Leis a so tha’n ceithreamh deiridh dhiubh air bhlas éisg, agus tha lannan air an earball mar chithear air iasg. Fuirghidh iad le chéile ’nam bailtean rè ’n fhogharaidh ’s a gheamhraidh. ’S ann deireadh a gheamhraidh tha’n àl òg aca. ’Nuair thig iad so bheir na dòbhrain-fhirionn a choill orra, ach fuirghidh an fheaghain bhoirionn aig a bhaile a’ banaltramachd, agus a’ togail an àil. Toiseach an fhogharaidh pillidh càch, agus cuiridh iad am bothain an dreach agus an riaghailt air son a gheamhraidh, agus togaidh iad tuille thighean airson an càirdean òga. ’S ann ’s a gheamhradh as àbhaist leis na sealgairean dol a mach air an tòr, oir ’sann san àm sin a’s prìseala ’m bian. ’Nuair a mhillear am baile aca leis na sealgairean, agus a mharbhar a chuidn a’s mò dhiubh bheir iadsan a a thèarnas orra do’n choille; agus cha phill iad ni’s mò a thuineachadh no thathaich ann an comunn. Dh’ fhalbh am misneach agus an innleachd; agus gheibhear iad ’n am fògaraich bhochda, ghealtach, ann an tuill agus an cùirn, mar tha beathaichean fiadhaich do’n t-seòrsa ’nar dùthaich fein. Tha bian an Dòbhrain chéin-thirich ro phrìseil air son Adaichean a dheanamh. Ach tha e co daor ’s nach àbhaist leò chur ach anns na h-adaichean a’s prìseala. ’S ann an cearnaibh tuath America a’s lìonmhoire no beathaichean so:—agus tha mòran beartais air uairibh air a dheanamh leò-san tha’g an sealg. ’Sann ’s a gheamhradh mar thubhairt mi a’s àbhaist leo an sealg. Tha na Dòbhrain a’ snàmh fo an deigh, agus tha tuill aca’n sud ’s an so, far an tig iad a mach a tharruing an analach. Tha na sealgairean a’ càramh lìn no ribe air beul gach tuill—agus mar so tha na creutairean laoghach, tuigseach, dìchiollach, tapaidh so, air an glacadh. T. M‘L. Campsie, 1831. AN LEANABH BEANNAICHTE Ma thoill leanabh air bith an t-ainm àrd so, b’ ise an t-aon mu bheil sinn a nis a’sgrìobhadh. Is òg a thugadh dhi e; oir tha e air a rádh, ’nuair bha i eadhon air a chìch, nach robh i coslach ri naoidheinean eile; na suain ’s à chreidheil mun robh i bliadhna dh’ aois, thug iomad aon fainear gu n robh àilleachd chiùin ’na gnùis—sìth shuidhichte, agus suaimhneas sèimh nach fac’ iad riamh roimhe ann an aodan leinibh. Dh’ éirich i air uaigneas a ghlinne san d’rugadh i mar reul ùr—dhealraich i an tiota beag ’na [TD 259] làn àilleachd; ach chaidh i fodha gu tràth, agus dh’ fhàg i an Gleann sin co dorcha, uaigneach ’s a bha e riamh. Cha luaithe chaidh a teanga gu còmhradh na bha a cainnt, ’s a brithran comharraichte. Cha chualas caise, no crosdachd, no gearan uaipe; ach ciùin do ghnàth, gu foighidneach gràdhach. Bha a h-athair agus a màthair bochd do thaobh nithibh saoghalta, ach bha iad saibhir ann an gràs. Bha iad làn riaraichte le ’n cuibhrinn, agus taingeil do’n Ti is àirde. Bha iad ’nan càraid dhiadhaidh, do ghnàth beò ann an spiorad na h-ùrnuigh, agus fo chumhachd saoghail eile. Bha beagan sgoile aca, agus de’n bheagan sin rinn iad làn fheum. Bha iad ’nan urrainn am Biobull a leughadh agus leugh iad e le cùram, le ùrnuigh agus le taingealachd. ’S ann as an leabhar so a fhuair an leanabh beannaicht’ air a bheil sinn a labhairt a cheud sgeul a thuig i, agus air gach eachdraidh agus sgeul ta ann bha eòlas mòr aice mun robh i comasach air a leughadh. ’S minic a chanadh a’ màthair rithe, ’s i na suidhe dlù ’mach air an làr, agus is’ ag iarraidh sgeul eile innse dhi as a Bhiobull. “Dean foighidinn fheudail, agus leughaidh tu sin an ùine ghearr air do shon fein.” Rinn i sin ni bu tràithe na aon neach eile air an cuala sinne iomradh. Mar fhuair i comas air a Bhiobull a leughadh, chinn i togarrach déigheil uime. Ghiùlaineadh i e ’na h-uchd gu ceann grianach an tighe, agus an sin air suidheagan beag a rinn a h-athair dhi, chuireadh i seachad mòran ùine a’ faotainn eòlais air na duilleagaibh prìseil. Bha a buaidhean àrd, ’s a beusan comharraichte a’ fosgladh a mach o là gu là, gu mòr ni bu luaithe agus ni bu tràthaile na thug a h-athair agus a màthair fainear, Dh’ fhosgail a h-inntinn gun fhios do’n t-saoghal, ceart mar chìtear seachduin de dh’ aimsir bhlàth, de làithean grianach an tùs an Earraich, a’ còmhdachadh nam bruach le sòbhraichean buidhe agus neònainean àillidh, mun gann a bha dùil againn gu’n do thog a h-aon diubh an ceann. Mar so thachair dhise. Cha b’ ann gun iongantas, mata a fhuair iad an leanabh so aon fheasgar air a glùinibh ri ùrnuigh am fasgadh na craige sin, far an tric a shuidh iad fein bliadhna na dhà roimhe sin a’ leughadh a Bhiobuill, agus a’ guidhe air a son, agus ise an sin ’na naoidhein maoth air a chìch. Chinn i suas gach là ann an gliocas—’sa ghliocas sin a bha cumail saoghail eile do ghnàth na beachd. Dhùis i gach maduinn le smuaintean ùra, agus le conaltradh ùr, mar gu’m biodh aingil o néamh maille rith ann an aisling na h-oidhche. Le cloinn a ghlinne bha i subhach ait, a’ siubhal leo air feadh nam bruach, ’s a’ measg nan Gleann; ach an uair a chluinnt’ iadsan ri sùgradh àrd, agus àbhachd chridheil, cha’n fhaicte ach fiamh de ghàire tlàth, a’ falbh ’sa tighinn air a gnùis chiùin. “Gu’m beannaich an Tighearn” ars’ am fear-turuis, ’s e ’gabhail an rathaid, “na pàisdean laoghach sin, nach iad a tha cridheil; ach co ise” a deir e, “tha ’n sud nam measg, ag amharc air a bhláth ùir ud ’na làimh? Nach smuainteachail tùrsach an gàir’ a tha air a gnùis—an Tighearn a bhi leis an leanabh chaomh!” Piuthar no bràthair cha robh aice; agus gu tric b’ éiginn d’a t-athair agus d’a màthair a bhi chòmhnuidh ’am bràigh a ghlinne fada o thigheadas eile, ’ga fàgail ’na [TD 260] h-aonar, seadh air uairibh o mhochthra gu h-anmoch. Ach cha robh fadal no airsneul oirre anns an t-sàmhchair uaignich sin, ni’s mò na bha air an riabhaig ann an dubhar na fàs-choille. Cha robh i gun chairdean, oir bha bàigh eadar i a’s blàithean ùr nam bruach, agus na h-eoin bheaga bha seinn air gach preas. Chinn na h-eoin bheaga eòlach uimpe. Cha robh fiamh air a h-aon diubh roimpe. Cha chuireadh am bricein-beithe stad air a chaireal mhilis, ged a thigeadh i dlù dha; agus ge h-uasal fiamhach an uiseag, cha ’n fhàgadh i a nead ged a thigeadh am pàisde caomh so r’a taobh: agus cha b’ iongantach sin, oir cha d’ fheuch i riamh ri a làimh a chur orra, no beud a dheanamh air a h-aon diubh. Cha robh lus no blàth, no duilleach, no luibh air nach d’ fheuch i eòlas fhaotainn. Bha lusragan aosda mar astar mìle do thigh a h-athar agus uaithe-san fhuair i mòran eòlais, agus togradh gus am barrachd fhaotainn. Shiùbhladh i mar so air feadh nam bruach, a’ meòrachadh air gliocas agus maitheas neo-chriochnach an Ti sin a thug do gach lus agus blàth an àilleachd agus am buaidh. Bheachdaich i le mòran iongantais air dìchioll, agus saothair an t-seillein ruaidh, a’ siubhal o bhlàth gu blàth, a deoghal na meala, agus ’ga giùlan dachaidh ga chòineig dhìonaich fein. Nach ’eil so a’ deir ise, a’ foghlum gliocais dhomhsa? Nach inntinneach crònan an t-seillein a’s e ri obair—Cha bhi mise ni ’s faide diomhanach. Chruinnicheadh i failleinean òg an t-seilich, an luachair uaine, agus a chuilc mhaoth, agus shuidheadh i aig taobh an t-sruthain a’ figheadh nan cliabhan beaga bòidheach a tha co prìseil le uaislean a chumail blàithean òg an t-samhraidh: Dh’ fhoghlum i iad so a dheanamh gu h-innealta: agus air tàille na h-oibre so bha a chaileag chaomh so air a còmhdachadh mun gann a bha i deich bliadhn’ a dh’ aois. Ach ’s ann ann an leughadh a bha a tlachd mòr; ge b’e àite san suidheadh i bha’m Biobull ’na cuideachd. ’S minic a shaoil a màthair gu’n robh i a’ milleadh a slàinte, leis na bha i cosg d’a h-ùine ri leughadh. Smuainicheadh i air uairibh gu ’m bu chòir dhi am Biobull a ghlasadh seachad, agus gun a thoirt dhi ach air àmannan sònruichte; ach bha uamhas oirre so a dheanamh. Dh’ amhairc a màthair air an abuchadh thràth so; ’s air an diadhachd mhòr air an d’ ràinig an leanabh beannaichte mar chomharradh air giorrad saoghail. Chanadh i gu tric ’na cridhe féin “cha ’n ’eil agam ach iasad latha dhi—cha ’n fhada gus an gairmear dhachaidh i.” Cha ’n iarradh an leanabh so uaigneas a ghlinne fhàgail air àm air bith; be’n sòlas a b’ àirde bhlais i suidhe le h-athair agus le ’màthair taobh an t-sruthain a chomhnaltradh mu ghràs an Tì sin a bha na naoidhean ann am Betlehem: esan d’ an tug i a cridhe òg maoth. B’e Iosa an t-ainm a b’ annsa leatha na gach ainm, agus gu tric mar chromadh a màthair os cionn na leapa aice, a’ gabhail cead na h-oidhche dhi ’s ise ’na suain, chluinneadh i an t-ainm àghmhor aig éiridh uaipe gu h-ìosal fann, ann an aisling na h-oidhche. Bha sòlas mòr oirre air latha na Sàbaid. Bha gràdh athar aig a mhinisteir oirre. Theagamh nach robh a h-aon ’sa choimhthional a ghiùlain air falbh barrachd de na thug e seachad;—agus gu cinnteach cha robh ’nam measg a h- [TD 261] aon a shéinn le guth co milis agus co binn cliù an Uain. Bha gràdh aig gach neach oirre. Chuir a giùlan stòlda, a coslas neo-chionta, a diadhachd mhòr, a seanachas àrd, iongantas air gach aon a chuir eòlas oirre. Cha robh dorus a ruigeadh i nach fosgladh dhi le càirdeas, agus anns nach faigheadh i fàilte chur oirre le furan; agus mar philleadh i dhachaidh chanadh daoine aosda le osna—cha’n ’eil an leanabh beannaichte ud fad’ air son an t-saoghail-sa! Thàlaidh i a co’-aoisean féin g’a h-ionnsuidh le bàigh mhòr. Bha cumhachd aice thairis orra bha iongantach: dh’ fhalbhadh i leò làimh air làimh air feadh nam bruach a’ labhairt mu àilleachd an t-saoghail agus mu mhaitheas an Ti a chruthaich e: oir ann am beachd an leinibh naoimh so bha Dia a làthair anns gach ni, agus anns gach àite. Shileadh a chlann bheaga na deòir le a seanachas àrd, agus tha e air a ràdh gu’n do dhùisg sealladh a sùl agus focail a beòil, suim agus cùram ann an cridhe na h-aoise. Thainig an Samhradh bu ghrianaiche chunnacas riabh ’sa ghleann sin mu’n cuairt, agus fhuair e ise dà-bhliadhn’-deug a dh’ aois—ach bha i ’seargadh as: an t-aodan a bha do ghnàth geal, chinn e ni bu ghile—an guth a bha do ghnàth tùrsach, chinn e ni bu tùrsaiche. Dh’ amhairc an lighiche, ’s tharruing e osna throm. Thuig a màthair mar bha. Chunnaic a h-athair an caochladh mòr a bha gach latha toirt ’na chuairt, agus thionndaidh e air falbh a shùil. Bha ’m bàs a’ teachd; ach cha robh feum ’innse dhi: thuig i féin gu dé bha cur oirre. Fhuair i sanas, ach cha b’ann le caraid saoghalta. Cha do labhair i ni bu trice mu ’n bhàs na b-àbhaist dhi, agus idir cha do labhair i focal m’a bàs féin. Cha robh atharrachadh oirre, ach gu’n robh i ni bu ghràdhaiche m’a h-athair ’s a màthair na bha i riamh; chrochadh i umpa o mhoch gu anmoch le anabharra gaoil. C’ arson, deir i, tha sibh co tùrsach mhuladach? Na bithibh a’ caoidh air mo shonsa. Mhothaich iad i uair a’s uair a’ goid air fàlbh mar gu’m b’ ann gun fhios do’n chill. Shuidheadh i air na h-uaighean gorma—agus philleadh i dhachaidh agus a sùilean mar gu’m biodh i a’ sile nan deur. Chinn i gach latha ni bu laige;—cha b’ urra dhi coiseachd a mach gun chuideachadh; air feasgar sàbaid mu mheadhon an t-samhraidh, chuidich a h-athair agus a mathair leatha dol a mach gu seòrsa do sgàil-thigh beag a thog iad dhi ceann an tighe, anns am b’ àbhaist leatha suidhe a leughadh. Bha aghaidh nan speur aillidh, ciùin, bha na h-eòin a’ seinn gu milis, tiamhaidh ’sa choill. Ach so cha robh fonn no farum—bha sìth a’s suaimhneas na sàbaid air an t-saoghal. Dh’ amhairceadh i suas air na speuran àrd a’s àille dreach—agus an sin air a h-athair ’s a màthair: bha na deoir a’tuiteam gu frasach. Cha b’ urrainn dhi cumail oirre ni b’ fhaide; leig i leò tuiteam—phaisg i a dà làimh—leig i a taic air a mathair—agus le dùrachd naomh agus dealas àrd, dh’aithris i ’n laoidh sin, “Thainig an uair; ’s tha mis’ a’ triall, Chuala mi’n guth ta m’ghairm gu Dia; Sguireadh ’m uil’ àmhghar nis, a Rìgh, ’S ceadaich do t-òglach triall an sìth.” Thuit i thairis—ghiùlain iad i thun a leapa—agus aon fhocal cha do labhair iad gus an d’ thainig i as an laigse so. Thuig iad a nis gu’n robh làmh a bhàis oirre. [TD 262] Dh’ fhosgail i a sùilean gorma agus bha iad car tamuill ni bu ghuirme ’s ni bu shoilleire ’s ni bù bhòidhche na bha iad riamh: ach a bathais, a gruaidh, a bilean, a muineal agus a h-uchd, bha iad co geal, bha iad co fuar, ri sneachda nam beann. Cha do labhair i ach beagan na dhéigh sin, agus am beagan sin féin bha e duilich éisdeachd. Mu thràth an fheasgair thog i a làmh ’s chaidh a màthair ni bu dlùithe. ’Bheil a bheag a dhì ort ’fheudail ’sa ghràidh, ars’ a màthair? Cha’n ’eil ars’ ise, ann an cainnt bhriste, tha mi ’triall chum mo Dhe—na bithibh ri bròn—c’ait’ a bheil m’ athair? Dh’iarr i cead a ghabhail dhiubh ’s na dhéigh sin cha d’ fheuch i focal tuille a labhairt. Chrom a màthair os a cionn—shaoil leatha gu’n cual’ i osna fhann—phòg i a bilean fuar—agus thionndaidh i air falbh a sùil. Sheas a h-athair taobh eile na leapa—dh’ fheuch e’n robh ’h-anail a’ teachd. Bha seòrsa de cheò tana nis air a sùilibh. Dh’ amhairc an t-athair agus a mhâthair air a chéile, ach cha do labhair iad focal. Bha’n gàire ciùin fathasd air a gnùis. Mheall so iad: ach thuit an oidhche—thinig sàmhchair fhada throm air an t-seòmar—agus fa dheireadh thuig an t athair agus a mhàthair gu’n do chaochail an Leanabh beannaichte. B’ann air latha na sàbaid a chuir iad corp an leinibh so fo’n fhòid. Bha’n sgìreachd ’s an Eaglais air an latha sin, ged bha iomadh aon nach robh comasach air an guth a thogail an àm seinn nan Salm. Cha robh ’n uaigh bheag fada ’ga deanamh no fada ’ga dùnadh—Chaidh gach aon a stigh a rìs do ’n Eaglais—rinn am ministeir ùrnuigh—tuille cha robh ’na chomas, oir bha gaol mòr aig’ air an leanabh so. Bha h-athair agus a máthair ’s an Eaglais, ach cha robh do mhisnich aig duine sùil a thionndadh air an àite ’s an robh iad ’nan suidhe. Sheinneadh an viii. laoidh, 1 rann. “O dhuine th’air do bhreith le mnaoi Cia tearc is truagh do làith’! O’n duslach thainig thu, a’s théid Gu d’ dhuslach féin gun dàil. Sgaoil an coimhthional. Tamull beag ’na dhéigh sin thainig am ministeir agus a chàraid so a mach as an Eaglais—dhealaich esan riutha, agus phill iadsan gu bràigh a ghlinne, a’s mìle guidhe dùrachdach a’dol suas as an leth. Agus a nis an tug bròn agus cridhe briste an t-athair agus a mhàthair so gu grad chum na h-uaighe? Na shearg iad as a diùltadh comhfhurtachd agus a’ monbhur an aghaidh Dhe? Cha ’n ann mar so a bha—’si a chainnt a chleachd iad, “’Se Dia bheir dhuinn gach comh-fhurtachd, No ghearras iad air falbh; Ma thug e leis, ’se fein thug uaith: Beannaicht’ gach uair biodh ’ainm!” So a cheud fhocal a labhair iad taobh na leapa nuair a thilg i’n deò—so a chainnt a chleachd iad moch a ’s anmoch, iomad agus iomad bliadhna na dhéigh sin, air an glùinibh le chéile, agus cha b’ ann an sin amhàin, ach nuair shiùbhladh esan am monadh ’na aonar, agus ise ’na h-aonar ’na bothan b’i so an cainnt. Bha iad iomadh bliadhna sona le chéile, toirt cliù do Dhia air son an dà-bhliadhna-dheug a fhuair iad uaithe de’n Leanabh Bheannaichte. [TD 263] Cumha do nighean Thighearna Chola, Baintighearna dhiadhaidh a chaochail ann an Lunnainn 1830. Séisd, Iorram na truaighe. Och! ’s mis’ tha fuidh airsneul, Tha m’inntinn ’cur thairis le bròn; Ainnir uasal na h-àilleachd, De’n fhuil Leathanaich àghmhor, cha bheò! ’Se so ’mheudaich mo thùrsa Nach d’ fhuair do luchd-dùthcha g’ad chòir, Ach gun Athair, gun Bhràthair, Ann an Lunnainn ’gad chàramh fo’n fhòd! ’S iomadh buaidh bh’ort r’a innse, ’Sa chaidh cheana chur sìos ann an dàn, Bha thu àluinn a’m pearsa, Bha thu iriosal, macant’ thar chàch; Meur de’n chraoìbh thu a thuinich Ann an caisteal ud Dhuairt nan sàr; B’e so geamhradh na dunach, Chrìon do fhreumh, ’s fhrois do dhuilleach gu làr! ’S mò ’s buan leinn do chodal, ’S fad’an oidhche gun mhaduinn’na déigh! Cha ruig ceòl ort no aighear, ’S an tìgh chaol tha thu tathaich leat féin; Dh’ fhalbh do chàileachd, ’s do chlaisdeachd, Dh’ fhalbh do léirsinn, do mhaise ’s gu léir, ’S tu, gun déigh air bhi fuasgailt’, Ann am prìosan dubh fuaraidh an éig! Och! nach deach’ do thoirt dhachaidh O mheasg nigheana Shasuinn ’san uair; ’S do chàramh le mòrachd, Ann an cois na traigh-mòir’ mar bu dual; Fuidh dhìdein bhallacha àrda, Far am bheil do chaomh-mhàthair ’na suain, ’S far am feudadh do chàirdean Dol gach feasgar’chuir fàilte air t-uaigh! Ach, nach suarrach mo ghearan Bhur dà uaigh a bhi sgairte an dràsd? Thig an uair anns an éirich An ùir sin gu h-éibhneach o’n bhàs: Tha ’ur n’anamanna àrda Le chéil’ ann am pàras an àigh, Ann an càirdeas tha maireann Ann an dùthaich an aigheir’sa ghràidh! MACTALLA. Eilean Chola, 1831. A CHAILEAG BHOIDHEACH. Am faca sibh an cailin rinn mo bhuaireadh? Dh’ìnnsinn duibh a dreach ’s a cleachd’an suairce. Ciabhan co dubh ’s am fitheach, lùbach, dualach, Gach fuiltein gu mìn, bachlach, ’s car mu’n cuairt ann; Gruaidhean co dearg ri caorrann air craoibh fàsaich, Fo shùil a leòn na mìltean, mìogach, nàrach; Deud geal dìonach ’s a bheul shìobhalt’ o’n d-thig òran, A dhùisgeadh ’s an aosda braise ’s sgairt na h-òige: B’ fhearr leam bhi t-éisdeachd aig eadradh na fead smeòraich, ,Nuair ghluaiseas i ’ribheid fheasgair, beadrach, ceòlmhor Seang-chorp fallain aig an ainnir mar ghath gréine, Cìochan lìontach air uchd soluis corrach ceutach, [TD 264] Slios co geal ri sgiath na h-eala air loch feurach, No mar fhras de shneachda maidne air bachd géige; Cas is lùthair’ theid ’s na caraibh, anns an t-seòmar, Gu h-ùrlarach, dannsach, ealamh a measg òigridh; Troidh chruinn am bròig dhìonaich shocair nach lot feòirnein, Co eutrom ri ceò nan glac am maduinn reòta. Cha d-theid do’n chlachan di-dònaich òigh bheir bàrr ort, Gu sìodach, ribeineach, cleòcach, òrach, fàinneach; ’S beag de spòrs no dh’uaill, no ghòraich ghabhas tàmh leat: Gu fiùghantach, suilbheara, seòlta, stòlda, càirdeil. Agad tha beannachd an truaghain ’s an diol-déirce; Gu blàth-chridheach, caoimhneil, suairce, cruas cha spéis leat; Gu h-iriosal, fialaidh, geanail ri luchd céilidh: ’S beag an t-ioghnadh ioma leannan a bhi’n déigh ort. A. B. NAIDHEACHDAN. Cha ’n ’eil naidheachd eil’ am beul duine ach an Reform mòr so tha chuid a’s mò de’n t-sluagh co déigheil air ’fhaotainn. Cha’n’eil an gnothach socruichte fhathasd. Cha choinnich cuideachd a nis anns an labhrar focal mu ni air bith eile—cuid air a shon, agus cuid ’na aghaidh. Cha’n ’eil am bonnach beag bruich fhathasd; agus b’e trod nam ban mu’n sgarbh ’s an sgarbh a muigh air an loch, a bhi connsachadh mu’n chùis. ’Nuair bhios e air a shocruchadh leis a Pharlamaid, oidhirpichidh sinn cunntas a thoirt m’a dhéighinn d’ar luchd-dùthcha, a thuigeas iad. Tha cogadh fuilteach air Tìr-mòr na h-Eòrpa air an àm; agus tha a chòmhstri a’sgaoileadh—Gu’n d’ thugadh am Freasdal caomh dhuinn nach fiosraich sinn ni’s mo dhi na’n fhuaim tha ’g ar ruigheachd anns na Paipeirean-Naidheachd. FOCAL SAN DEALACHADH. ’S ann le mòr dhuilichinn a tha sinn a ’cluinntinn o gach àite nach ’’eil an Teachdaire air a liubhairt gu riaghailteach, no a ruigheachd na dùthcha ’nuair bu chòir dha. Cha’n ann, gu deimhin, againne tha choire; ach ma leanar air a sgrìobhadh an déigh na Bealltuinn is faigse, gabhaidh sinn dòigh ùr air, agus feuchaidh sinn ar latha a chumail ni’s fearr na rinneadh fhathasd. Tha iomad litir againn o’r càirdibh lionmhor: ach gus an urrainn duinn a ràdh co dhiubh a sheasas an Teachdaire no nach seas, an déigh na Bealltuinn, cha’n’eil e ’n ar comas fios freagradh pòngail a thoirt dhoibh. An ceann mìos bithidh fios againn; agus ’na dhéigh sin, cha tig litir d’ar n-ionnsuidh o neach air bith nach aidich sinn, agus air nach d’thoir sinn ar barail. Air an àm, Taing do’n Abarach—do A. B. R.—an Leth-Ghael—am Balbhan—an t-Eileanach, agus an Ridire mòr. MEARACHDAN A CHLO-BHUALAIDH. Taobh-duilleig 256, sreath o iochdar an dara leth 10, arson tr’ leugh trì Taobh-duilleig 256, sreath o iochdar an dara leth 21, arson c’che leugh cìche [TD 265] AN TEACHDAIRE GAELACH. MIOS A CHEITEIN, NO MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH. XXIV. AIREAMH. 1831. II. AN DARA EARRANN DE’N FHAISNEACHD MU THIMCHIOLL NAN IUDHACH. Buailidh an Tighearn thu le cuthach, agus le doille, agus le h-uamhann cridhe. Smeuraichidh tu mu mheadhon-là, mar smeuraicheas an dall san dorchadas, agus cha soirbhich leat a’d’ shlighibh. Tha’n talamh uile ’na phronnusg, agus ’na shalann, agus ’na losgadh, nach ’eil air a chur no toirt toraidh uaithe—Their eadhon na h-uile chinnich, C’ar son a bhuin an Tighearna mar so ris an fhearann so? Ciod is ciall do theas na corruiche mòire so?—Deut. xxviii. 28; xxix. 23, 24. DH’FHEUCH sinn anns an àireamh fa dheireadh mar choimhlionadh cuid de’n fhàisneachd a rinneadh le fáidhibh an Tighearna mu thimchioll nan Iudhach. Chunnaic sinn mar tha iad nan sluagh air am fògradh as an dùthaich fein, agus nach d’ fhuair iad leud bonn an coise do thîr m’ am feud iad a ràdh, ’Si so ar tìr fein. Chunnaic sinn a gheur-leanmhuinn a rinneadh orra anns gach linn agus anns gach tìr; ionnas gun robh iad mar chomharadh agus mar iongantas aig uile rioghachdan an t-saoghail. Air an dòigh so mhair an sluagh so ochd-ceud-deug bliadhna nan dearbhadh mhiorbhuiltich air firinn sheasmhaich focal an Tighearna, agus tha iad an diugh fein ma choinneamh ar sùl ceart mar dh’innis fàidhean an Tighearn o chionn tri mìle bliadhn a bhitheadh iad. Chaidh a roimh-innseadh gu’n cuireadh na h-Iudhaich cùl ris an t-soisgeul. Nach faiceadh iad sgeimh no grinneas ann an Criosd,no maise sam bith gu ’m miannaicheadh iad e; gu ’m biodh e air a chur air chùl leo, agus trid cruas an cridhe nach creideadh iad ann. Nach robh so gu firinneach air a choimhlionadh? Acasan tha an Sean Tiomnadh leis gach fàisneachd shoilleir mu thimchioll a Mhesias, ach tha ’n sùilean air an druideadh, agus cha leur dhoibh esan air a bheil Maois agus na fàidhean a’ labhairt. Am feadh a tha na fàisneachdan sin anns gach linn ag iompachadh nam mîltean do gach sluagh eile cha ’n ’eil iad a’ deanamh drùghadh sam bith air na h-Iudhaich; ’s iadsan a mhàin an t-aon sluagh nach ’eil a gabhail suim dhiubh: Mar so a’ coimh-lionadh na fàis- [TD 266] neachd, Gum biodh an cridheachan air an cruadhachadh, agus an sùilean air an dalladh. Ach cha ’n e mhàin gu bheil againn anns na leabhraichibh naomh, mion chunntas mu shluagh Iudea, ach mar an ceudna air an tìr anns an robh an còmhnuidh. Seadh, eadhon an uair a bha am bailtean mòra làn sluaigh, agus ann an àird’an soirbheachaidh, an uair a bha ’n tìr a’ cur thairis le pailteas, agus na muilleinean sluaigh ’ga h-àiteachadh, roi-innseadh leis na fàidhean an lom-sgrios eagallach a bha ri teachd orra. Tha tir nan Iudhach co math ris na h-Iudhaich iad fein a’ togail fianuis air firinn focail Dhe. Tha’n tir sin uile air an am so mar dh’ innseadh o chionn trì mîle bliadhn’ a bhitheadh i ; agus cha ʼn’eil da dhùthaich air an t-saoghal is ea-coltaiche ri cheile na i mar bha i ri linn nam fàidhean, agus mar tha i air an am so: air chor ’s nach b’ urrainn gliocas neach air bith a roimh-fhaicinn mar foillsicheadh Dia le a spiorad, mar bhiodh a chùis, Ach ’s moch a thuirt am fàidh, Theid mis a mach ’nar n-aghaidh-sa, agus ni mi peanas oirbh seachd uairean fathast airson ’ur peacanna: agus cuiridh mi ’ur bailtean fàs, agus bheir mi lom sgriob air bhur n-ionada naomha, agus cha ghabh mi fàile ’ur boltraich chùbhraidh. Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e ach fàsaidh an dris agus an droighinn ann; agus bheir mi àithne do na neulaibh nach fras iad uisge air, bithidh fàsalachd mhòr ann am meadhon na tìre. Tha na Scriobtuir làn de chainnt mar so; tha iad co lionmhor ’s nach urrainn duinn an aithris; agus iad uile a’ cur an céill duinn na fàsalachd agus na truaighe a bha ri teachd air an tìr sin. Agus tha’n fhàisneachd cheudn’ ag innseadh dhuinn gu’m buanaich an tìr anns a chor bhochd sin, am feadh a bhitheas an sluagh nam fògarraich, agus gus an tig an t-àm a tha mar an ceudna air a ghealladh, ’nuair a bhitheas iad a rìs air an toirt air an ais do thìr an aithrichibh. Tha ar Slànuighear beannaichte fein ag ràdh. Luc. xxi. 24. Bithidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coimhlionar aimsire nan Cinneach. O chionn bheagan bhliadhnaichean chaidh mòran de luchd-turuis o’r dùthaich fein a dh’fhaicinn na tìre so, agus tha iad gu leir a’ co’-aontachadh sa chunntas a tha iad a’ toirt seachad, nach ’eil tìr air an t-saoghal is toraiche agus is tarbhaiche na i na’m bitheadh i air a h-àiteachadh; gu bheil an t-sìd no an aimsir co chiùin thaitneach ’sa bha i riamh; agus na h-uile cothrom agus beannachadh is urrainn dùthaich a shealbhachadh thaobh naduir aice, gidheadh gu bheil i a’ cur thairis le dris agus droighinn, le fòghnain agus le luibhean gun fheum, agus nach eil ach bochdainn agus fàsalachd o thaobh gu taobh. Tha a bailtean mòr a bha co ainmeil agus co cumhachdach air an sgrios co tur ’s gu bheil e doirbh eadhon an làraichean briste fhaotainn, agus duilich a ràdh c’ àit an robh iad. Is gann gu bheil cloch air muin cloiche aig a h-aon diubh.Thainig am mallachadh so, cha’n e mhâin, air an daoinibh, air am bailtibh mòra, ach mar an ceudna air am machraichibh agus air am beanntaibh àrda. Cha’n fhaicear cur no buain, cha’n faicear treud no buar, ach Iudea mar bhanntraich bhochd gu h-aonarach a’ caoidh; oir tha na coigrich ’ga saltairt gu h-an-iochdmhor. De na h-uile dùthaich a [TD 267] chunnaic mi riamh, arsa Volney ’si Iudea an tìr is tarbhaiche gidheadh is fàsaile; cha’n’eil meas nach fàs innte, ’s gidheadh cha’n’eil meas is fiach air ’àrach innte. Cha’n’eil e tearuinte do luchd-turuis imeachd tre’n tìr, oir tha i làn de lùchd-foirneart, agus de reubainn. Cha’n’eil ròidean mòr ann, no uiread agus aon charbad no cairt san tìr. Ma tha gnothach aig duine dol o bhaile gu baile, feumaidh e fuireach gus an cruinnich cuideachd a dh’imicheas leis ’na thurus. Cha’n’eil tighean òsd ann anns am faighear biadh no deoch. ’S eiginn do’n fhear thuruis a bhiadh agus gach goireas gu dheasachadh a thoirt leis; agus mu anamoch ’nuair a thig e chum àite anns an gabh e gu tàmh, cha’n’eil aige ri fhaotainn ach seòrsa de làraich fhosgailte far an gann is urrainn da a thaobh a shìneadh le co liutha biasd nimhe a tha mu thimchioll. Is leòir so a leigeadh ris duinn an staid thruagh anns a bheil tìr Iudea. Thainig mallachd an Tighearn orra, o bhris iad an comh-cheangal naomh; thainig an guidheachan fein orra, mu thimchioll an t-Slanuighir, “Fhuil gun robh oirnne agus air ar cloinn.” Ach cha’n fheud sinn crioch a chur air an eachdraidh so gun aire ghabhail de na h-earrannaibh lionmhor sin san sgriobtur far a bheil e air ainmeachadh gu’m bi na h-Iudhaich air an tabhairt fathast dachaidh do thìr Iudea. Cha’n ainmich sinn ach earrann no dha, a tha ’ga chur so an céill. Deut. xxx. 3, 4, 5. “An sin bheir an Tighearna do Dhia air ais do bhraighdeanas, agus ni e iochd riut, agus pillidh e agus cruinnichidh e thu as na h-uile chinnich chum an do sgap an Tighearna do Dhia thu. Ma dh’ fhògradh neach agad gus a chuid a’s iomallaiche do néamh, as a sin cruinnichidh an Tighearna do Dhia thu, agus as a sin bheir e thu: agus bheir an Tighearna do Dhia thu do’n fhearann a shealbhaich t-aithriche, agus sealbhaichidh tu e; agus ni e maith dhuit, agus bheir e ort fàs lionmhor os ceann t’aithriche,” Amos, ix. 14, 15. “Agus bheir mise air a h-ais a rìs bruid mo shluaigh, Israeil; agus togaidh iad na bailtean fàsa, agus ni iad an àiteachadh; agus suidhichidh iad fìon-liosan, agus òlaidh iad am fion; ni iad fòs liosan agus ithidh iad an toradh. Agus suidhichidh mise iad ’nam fearann, agus cha bhi iad ni’s mò air an spionadh a nìos as an fhearann a thug mise dhoibh, deir an Tighearna do Dhia-sa.” Tha na h-earranna sin, agus iomad aon eile de’n t-seorsa a’ leige ris duinn co soilleir is a’s urrainn cainnt a dheanamh gu’m bi na h-Iudhaich fhathast ann an Iudea, agus gu’m bi iad gu diongmhalt’ air an suidheachadh innte. Tha na h-atharraichean mòr a tha dol air an adhart air an ám feadh an t-saoghail, a’ toirt iomad cionfàth dhuinn gu shaoilsinn gu bheil âm coimhlionadh na fàisneachd so a’ tarruing dlù. Tha ’m fiughair fein air an àm ro àrd; agus an déigh bhi nam fògaraich rè ochd-ceud-deug bliadhna, tha sùil aca ri àm an saorsa, an t-àm anns an teich iad mar sgaoth cholaman chum an ionadaibh tàmha. Cha dearmad Dia a ghealladh dhoibh, agus cha di-chuimhnich e an cùmhnant a rinn e riu, Isa. xlix. 16, 17. “Feuch air dearnaibh mo làmh ghearr mi thu; tha do bhallachan a’m’fhianuis an còmhnuidh. Ni do chlann deifir; siùbhlaidh [TD 268] iadsan a mach asad, a bha ’gad sgrios, agus ’g ad chur fàs. Tog suas do shùilean, agus faic; tha iad so uile air an cruinneachadh ri chéile, tha iad a’teachd a d’ ionnsuidh. Mar is beò mise, deir an Tighearna, sgeadaichidh tu thu fein leo uile, mar le culaidh rìomhaich; agus ceanglaidh tu iad umad, mar ni bean-bainnse a seudan.” C’ uin a thòisicheas so ri bhi air a choimhlionadh, cha bhuin e dhuinn a ràdh; ach tha sinn làn chinnteach mar choimhlionadh gach fàidheadaireachd eile m’an timchioll, gun coimhlionar so mar an ceudna; oir labhradh e leis an Ti sin leis a bheil là mar mhìle bliadhna, agus mìle bliadhna mar aon là. T. M‘L. AIREAMH NAN IUDHACH. Is cinnteach sinn nach miste le’r luchd leughaidh fios fhaotainn air lionmhoireachd nan Iudhach. Rannsaich sinn na h-eachdruidhean is deireannaiche agus as am mò a dh’fheudas sinn earbsa m’an chùis so; agus fhuair sinn a mach gur i barail dhaoine geur-chuiseach, gu bheil ann an Asia da-cheud-deug mìle, 1200,000 Ann an Africa ochd-ceud-mìle, 800,000 San Roinn Eorpa dà cheud thar fhichead mìle, 2200,000 Ann an America Seachd mìle, 7000 4207,000 ’S e barail cuid de dhaoine gu gu bheil iad mu-chuig-ceud-mìle os ceann so; ach leis mar tha iad air an sgapadh co môr air feadh an t-saoghail tha e doirbh am fior chunntas fhaotainn a mach. De’n àireamh so tha fichead mìle ann am Breatunn; trì fichead mìle ’san Fhraing, seachd-fichead mile dhiubh am Prussia, agus eadar Russia, agus Poland tha dlù do thri-cheud mìle. Riaghailtean chum là an Tighearn a naomhachadh, Smuaintichibh gu h-iomchuidh air di-sathuirne gach ni chuir ann an deagh riaghailt, chum nach cuir nithe neo-fheumail dragh oirbh air an t-Sàbaid. Smaointich gu cùramach, “Ciod an gnothach cudthromach a th’ agad mu làimh! Cha ’n ’eil ann an gnothaichibh saoghalta ach faoineachd ’an coimeas ris a so. Ciod iad bùithean, loingeas, no gabhailichean, an coimeas ri Criosd, ri gràs, no ri neamh? Am feud mi bhi tuille ’s dùrachdach ann an obair Dhe, m’ anama, agus siorruidheachd? Nach bu naomha bu chòir do m’smuaintibh, do m’thograibh agus do m’ rùin a bhi air là an Tighearna?” 2. Dean deas fa chomhair an latha naomha so—le d’ chridhe agus le d’ chaithe-beatha a rannsachadh. Thoir fainear ciod na peacaidh a tha agad ri aideachadh ri bhi brònach air an son, agus ri guidhe nan aghaidh; ciod na sochairean a tha dhì ort fein no air daoin’ eile a thaobh anama no cuirp; ciod na sochairean a fhuaradh; agus ciod am buidheachas a tha dligheach air an son? Smuaintich riut fein, Ciod am maith a fhuair mi o aon Sàbaid a chaidh seachad agus gu h-àraidh o ’n dòmhnach fa dheire? An robh mo chridhe an sin dubhach arson peacaidh, no ann an teas-ghràdh do Dhia? An do làn chreid mi, agus an d’thug mi làn ùmhlachd thairis do na fìrinnibh a dh’fhoghlum mi ’san àm sin? Guidh gur h-e ’n t-Sàbaid is faigse [TD 269] is fearr a choimhead thu riamh; gu’m bi do chridhe ni ’s iriosaile, ni ’s maoithe, agus ni’s nèamhuidh; gu’m faigh Dia am barrachd glòire, agus thus’ an tuille de bhuannachd spioradail; agus gu’m bi an là so ’na earlais dhuitse air Sàbaid bhith-bhuan a ghleidheadh maille ri Dia ann an glòir. Gu h-àraidh asluich, “O Dhe nan gràs, deasaich focal iomchuidh do m’ anam? Gu’n robh am ministeir air a shéoladh chum do theachdaireachd a liuthairt a réir do thoil! thig a stigh do d’ theampull, agus beannuich t’ òrduighean le d’làthaireachd! Deònaich dhomh, O Thighearna, am focal ’èisdeachd agus a thuigsinn le creidimh! O na mealladh mo chridhe mi; agus cum mi o bhi air mo bhuaireadh leis an t-saoghal, no leis an droch-spiorad!” 3. Co luath ’sa dhùisgeas tu air maduinn an latha naomh so, stiùr do chridhe agus do shùil ri neamh, Thoir buidheachas do Dhia arson gu bheil thu faicinn solus Sàbaid eile ann am fearann nam beo, leis am feud d’ anam gràs a shealbhachadh, ’s a bhi air a dheanamh iomchuidh arson glòir. Gairm air Dia, gu’n lughadh e dhuit co neo-dheas ’sa tha thu, gu’n gabhadh e ri d’sheirbheis neo-iomlan, agus do dheanamh saibhir le’ghràsaibh agus le ’cho’-fhurtachd. 4. Cnuasaich gu dùrachdach, gus am maothaich do chridhe le thoirt fainear, aon chuid—mòralachd Dhe; no gràinealachd a pheacaidh, no air ro òirdheirceas Chriosd, agus air meud a ghràidh;—no air diomhanas an t-saoghail;—no air luach t-anama neo-bhàsmhoir;—no, air boile agus seòltachd do naimhde spioradail;—no, air mealltaireachd do chridhe fein;—no, air cràdh ifrinn; no air aoibhneis nèimhe. 5. Gu cùramach coguiseach, coilion t-aoradh teaghlaich co maith sa ni thu ann ad sheòmar uaigneach. Seall nach bi do sheirbhisich agus go chlann a’ struidheadh na maidne ann an lùnndaireachd. Thoir orra aontachadh leat ann an leughadh, an seinn, agus ann an ùrnuigh. Innis doibh m’an deagh Mhaighstir da bheil thu toirt seirbhis, na sochairean a shruthas o’n t-seirbhis sin, eadhon a bheatha mhaireannach. Innis doibh an cunnart da bheil iad buailteach le dearmad a dheanamh air an t-seirbhis sin. Earalaich iad a bhi gu h-adhartach bunailteach a’ toirt aoraidh do Dhia an diomhair, ’san teaghlach, agus ann am follais; seadh, dean faire thairis orra le furachras agus caomhalachd. 6. An àm dol gu tigh Dhe—ma tha thu a’ d’ aonar, smuaintich, “O gu’n deònaiche Dia cò’dhail a thoirt d’a uile luchd-aoraidh, agus gu’m beannaicheadh e m’anam!” 7. An uair a theid thu stigh do thigh Dhe, tog suas do chridhe ris ann an smuaintibh àrd mar iad so: “A Thighearna, gheall thu bhi ann am meadhon do shluaigh. O rachadh do mhaitheas seachad romhainn! Faiceamaid do chumhachd agus do ghlòir ann ad ionad-naomh! Lùb na neamha agus thig a nuas. Cuireadh do mhòrachd fiamh oirnn, agus thugadh do mhaitheas sòlas duinn!” 8. Na biodh do shùil na do chridhe luaineach ann an tigh Dhe. Socraich do shùil air a mhinisteir do chluas air an fhocal, agus do chridhe air Dia. 9. Bi faicilleach mu d’ ghiùlan anns gach earrainn de’n aoradh.— [TD 270] Am feadh a bhios am ministeir ag aidmheil peacaidh, maothaicheadh do cridhe ris—’nuair a ghuidheas e arson tròcair, biodh t-anam sa phlosgail an geall air.—’Nuair a mholas e biodh t-uile thrograidhean a’moladh Dhe.—Ann an seinn shalm, deanadh do chridhe co’-sheirm bhinn do’n Tighearna, chum ’nuair a bhios do ghuth àrd, nach bi do chridhe fuar neo-mhisneachail. An uair a bhios am focal air a leughadh, no air a shearmonachadh, thoir fainear gu cùramach, “Gur e so focal De. Is e ’àithn’ a th’ann, agus am feud mise gun ghéill a thoirt di? A’ bheil e a’ bagradh nam peanas sin air peacaich, agus an e nach criothnaich mise? An iad sin a chuireanna càirdeil, a gheallaine mòr agus prìseil, agus an cuir mise cùl riu? Gun robh dorsan bith-bhuan mo chridhe air am fosgladh, chum gu’n tig Righ na Glòire a steach!” ’Nuair tha ministeir a’ co-dhunadh na seirbhis na biodh cabhag ort a dh’ fhalbh (ni a tha tuille ’s tric a’ tachairt,) ach biodh fiuthair agad, agus togradh gu’n tig am beannachadh a nuas ort air mhodh éifeachdach. 10. ’Nuair a thig thu o thigh Dhe, bi air t-fhaicill nach d’thoir an droch-spiorad uait an sìol a chaidh a chur, no nach mùch cùram an t-saoghail e. Na d’thigeadh cainnt dhiomhain a mach as do bheul co luath sa bhios focal De a beul a mhinisteir. Ach guidh air Dia, nach bi am focal a chual’ thu, mar uisg’ a dhòirtear air an talamh: asluich gu’n gléidh thu e air mheoghair, gu’n d’ thoir thu grâdh agus ùmhlachd dha; gu ’n cuir e a’s do d’ ana-miannaibh, gu’m meudaich e do dhealas do Dhia, gun lìon e do bheul le deagh chainnt agus do lamhaibh le deagh oibribh. 11. Thoir an aire mar chaitheas tu am feasgar. Tha’n cridhe ullamh gu ruidh air faoineachd, an déigh dleasnuis fhollaiseach an latha dol seachad. Ma rinn focal De aon drùghadh air do chridhe, biodh e air altram gu cùramach, agus air a neartachadh le d’aoradh teaghlaich, agus t-urnuigh dhiomhair, agus mar an ceudna le d’ chainnt tharbhaich riù-san a tha m’an cuairt duit. 12. M’an luidh thu sios air do leabuidh, gabh beachd air uil’ obair an latha. Biodh nàir’ort arson ain ni a dhearmaid thu, agus thoir glòir do Dhia airson aon mhaith a fhuair thu. Aidich gu h-iriosal, “Gur airidh Dia air câil is fearr na th’ agadsa chum a chliu a sheinn, agus cridhe is fearr g’a ghràdhachadh. Ged a b’urrainn domh gach ni a th’ air ’àithne a dheanamh, cha bhiodh annam ach seirbhiseach neo-tharbhach. Ciod e mise, mata, ’nuair tha gach dleasnas air a choi’-measgadh le peacadh, agus le fàillnibh gun àireamh?” Na h-earb a aon ni a rinn thu, chum gabhail riut agus airson saoraidh, ach á Criosd a mhàin. Cuir cùl ris gach muinghinn as t-fhìreantachd féin, agus bithidh dòchas agad gu’n sruth gach beannachd, agus gealladh a mhàin duitse trid fuil Chriosd. Ead. le P. M‘F. Mu Chumadh agus Feum a Bheòil. Ann ’s gach linn do’n t-saoghal, bha daoine aig an robh sgil air corp-rannsachadh a’ cur an céill, o chuma agus o bhallaibh na colann, gu ’m b’ obair Bith uile-chumhachdaich agus uile-fhiosraich i. Ged tha e soilleir o’n taobh a muigh gu ’m bheil i air a dealbh le h-àrd ghliocas, air a [TD 271] mheud sa rannsaichear a chuid as lugha air am bheil eòlas againn, foillsichear iomad obair iongantach, agus gheibhear a mach feum arson gach ball faoin agus mion, a shaoileamaid nach robh math sam bith orra. Tha ann am fosgladh a bheòil, tuilleadh do bhuill air an cruinneachadh còmhladh, agus gach aon diu a’ coilionadh feum air leth, na gheibhear san fharsuingeachd cheudna ann an aon earrann eile do ’n cholainn. Tha sa cheud àite ann na fiaclan, agus gun ach beag a h-aon coltach ri h-aon eile ’na cumadh, cuid dhiu arson gearraidh, agus cuid airson cagnaidh. Tha féithean ann air an càramh an riaghailt air seòl innleachdach, cuid diu na’n seasamh direach agus cuid eile na’n luidhe tarsuing, gu cur nam peirceall na ’n gluasad, mar gu ’m biodh muileann a’ bleith. Tha seile air an sgaoileadh a sios agus a suas, gu taiseachadh a bhìdh, ’ga dheanamh furasda a shlugadh. Tha fàireagan lionmhor a sìoladh na fliuichneachd so, agus a biadhadh nan sruithean, mar gu ’m biodh fuarain ag éiridh o’n ghrinneal. Agus tha féithe theannachaidh mu bhun an sgòrnain gu seòladh a bhìdh air dòigh àraid do’n ghoile, an deigh ullachadh leis na fiaclan. Ged a shaoileas sinn gur ann le chudthrom fein a ni’m biadh téarnadh o’n bheul, cha ’n ann mar sin a tha. Tuigear so gu soilleir ma sheallas sinn air ainmhidhean ceithir-chasach, mar tha mart no each, ag ionaltradh. Cromaidh iad an cinn air dòigh nach urrainn am biadh dìreadh, ach le neart nam feithean-slugaidh. A bharrachd air so, tha obair eile dol air a h-aghaidh air an àm cheudna, aig nach ’eil gnothach sam bith ri buaidhean nam ballaibh a dh’ ainmicheadh. Tha gaothaire roi’chùl an t-shluichd so, gu leigeadh na h-analach a dh’ ionnsuidh an sgamhain, air dòigh nach faigh ni air bith eile comas dol a stigh. Agus fuaighte ris an fheadan so, tha féithean gun àireamh air lionmhorachd mu’n sgòrnan agus mu’n teangaidh, gus an guth a thogail agus a leagail, co neo-mhearachdach agus co pongail, agus le uiread comas tionndaidh agus atharrachaidh, ’sa gheibhear ann an inneal ciùil sam bith. Ach si ’n teanga ball is iongantaiche tha ’n taobh a stigh do ’n bheul. ’S fiach do h-aon air bith aire thoirt do lùthmhoireachd na teanga; ged a bhios i ’na luidhe gu socrach sàmhach, co grad, co tric, agus co freagarrach sa charaicheas i. Feumaidh gach pong air leth do chainnt gluasad àraid do’n teangaidh; agus tha ’n càirean uachdrach air a chumadh air dòigh iomchuidh gu coinneachadh gach buille a thig uaipe, ann an labhairt gach litir agus focal. Tha so soilleir do’n fhradharc mu ghabhar beachd air;—agus da lorg ’s aithne do dhaoine fiosrach teagasg do’n bhodhar labhairt, agus gach focal a labhras neach eile a thuigsinn. Nuair a dh’ionnsuicheas leanabh bruidhinn, cha’n ’eil ach aon dòigh air an urrainn da labhairt ceart. Agus nuair a bheir sinn fainear co ealamh sa ni’n teanga tionndadh, co cinnteach sa bhuaileas i sa cheart aite ’san còir dhi, agus co iomadach sa tha a gluasad, cha’n urrainn sinn air n’ioghnadh a cheiltinn. Tha féithean na teanga co lìonmhor, co mion, agus co dlùth, nach urrainn do’n làimh is grinne na do’n acfhuinn is finealta an rannsachadh amach, na’n dealachadh. Ach cha’n’eil an àireamh, no’n innleachd leis am bheil am [TD 272] freumhan caola air am figheadh feadh a chéile, ag cur grabadh air gluasad na teanga, no deanamh air dòigh sam bith a h-oidheirpean faillineach, no a feum neo-chinnteach. Tha daoine foghlumta aig am bheil mòran do eòlas nàdurra, a toirt an aire ann an obair a chruthachaidh, nuair a bhitheas gnothach no dhà’ ga’n cur air an aghaidh le aon inneal, gu’m bi aon diu, agus theagamh gu’m bi iad le chéile, neo-iomlan. Ach am bheil so fior mu’n teangaidh, co dhiù choimheadas sinn oirre mar inneal blasaid no labhairt. Tha a blàths agus a buigead, tainead a chraicinn leis am bheil i air a còmhdach, agus na cùirneanan a tha sgaoilte air a h-uachdar, ag uidheamachadh a bhuill so co coilionta arson blasaid, agus a tha lionmhorachd agus dlùths a fèithean a’toirt dhith an comas gluasaid a tha feumail arson labhairt. Air an dòigh cheudna, ged nach ’eil ann sa bheul ach aon fhosgladh, tha gach ball air leth a tha’n taobh a stigh dheth iomlan agus coilionta:—agus a liuthad aon sa th’ann diu, cha’n eil dòmhladas no aimhreit ’nam measg, no h’aon ag cur bacadh air a h’aon eile. Mar urrainn sinn ithe agus labhairt còmhladh, feudaidh sinn ithe car tacain, agus labhairt air an ath thiota,—nuair a tha’n anail ’ga tarruing gun stad gun fhois fad na h-ùine. Nuair a smuainticheas sinn air na nithibh sin, nach ann againn a tha fâth a ràdh leis an t-salmadair, “Is uamhasach agus iongantach a dhealbhadh mi” (Salm xxxix. 14.)—Agus gu h-àraid nuair a bheir sinn fainear, ged tha beul agus teanga aig gach creutair a tha falbh feòir no fochainn, gur ann do’n chinne-daonna amhàin a thugadh comas còmhradh a dheanamh ri’n co-chreutairean, agus an smuaintean innseadh do chàch a chèile,—nach ann againn a tha aobhar a bhi taingeil arson an tìodhlac luachmhoir so, agus cliù a thabhairt do’n Chruithfhear a a bhuilich oirnn e.—Agus nuair a chuimhnicheas sinn air a choimeas a thug an t-Abstol do’n teangaidh, (Seumas iii. 6, 8,) ’s còir dhuinn an earail a thug e dhuinn a leanailt gu dùrachdach, agus am ball beag so a cheannsachadh, chum ’s nach d’thig beannachadh agus mallachadh amach as an aon bhéul. J. M. EACHDRAIDH NA H-ALBA. ’SANN air tùs an t-Samhraidh sa bhliadhna 1644 a thainig Montrose a nuas do dh’ Albuinn, le ùghdarras o’n Righ chum feachd a thogail a chur fodha a sheana chairdean na Cùmhantaich. An déigh iomad cunnart a ruith, thainig e co uaigneach sa bha na chomas, le dithis chompanach, (e fein an riochd an seirbhisich), a’gabhail gach slighe monaidh agus gach ath-ghoirid a b’urrainn da, a’ siubhal fo dhubhar oidhche, agus a’ gabhail fois san là, gus an d’ ràinig e tigh Innisbhraca, a bhuineadh do charaid agus do fhear-cinnidh dha fein, a bha mar an ceudna air taobh an Righ. Bha Montrose a nis ann am meadhon na dùthcha sin far am bu lionmhoire cairdean Thearlaich; agus chuir e fios a mach na ainm, ag àithne dhoibh éiridh le’n cuid daoine; ach bha de dh’oillt aca roimh na Cùmhnantaich, an lorg an sgrios a thug iad roimhe sin air an dùthaich, agus bha cuid diubh co amharusach mu Mhontrose agus gu’n do dhiùlt iad air fad èiridh leis. Ma’s e Morfhear Hundai fein, fhuair e a dheuch- [TD 273] ainn co cruaidh o chionn ghoirid leis na Cùmhnantaich ’s nach robh comas aige duine chur a chòmhnadh le Montrose: Ach cha robh an curaidh foghainteach so comasach air meatachadh fo mhealladh-dòchais. Mar dhòmhlaich cunnairt m’a thimchioll, ’s ann is àird’ a dh’éirich spiorad a ghaisgich. Là de na làithean, mar a bha e fein agus a charaid Innisbhraco a’ gabhail sràid ann an gleann uaigneach, a’ caoidh nach b’urrainn doibh a bheag a dheanamh as leth an Righ, thainig Gael na dhian-ruith le litir a chuir e ann an laimh Innisbhraco, le teann iarrtas gu’n rachadh a cur a dh’ ionnsuidh Mhontrose, ge b’e cearna de Albuinn san robh e. ’Sann o Alastair Mac-Cholla a bha’n litir so, ag innseadh gu’n d’thainig e air ceann an airm a thog Iarl’ Antrom, an Eirinn as leth an Righ, agus an déigh Caisteal Cheann-Lochàluinn agus Mhingairi a ghlacadh, gu’n robh e air a shlighe a nall tre Bhàideanach, agus a’ guidhe gu’n cuireadh Montrose e fein air an ceann co luath ’s a dh’fheudadh e. Cha robh dhi air Montrose ach an cuireadh; agus e air’éideadh ann am breacan an fhéile ’s gun ach aon duine na chois, chaidh e’n coinneamh nan Eirionnach; ach an àite nam mìltean ris an robh dùil aige cha d’ fhuair e ach cùig-ceud-deug, agus iad sin féin gun bhi fo roghadh armachd. B’iad a cheud chinneach a dh’éirich leis Cloinn-Phearsain. Chuir Tighearna Chluainidh, air dhà fios fhaotainn gu’n robh Montrose a’tighinn do Bhàideanach, amach buidheann d’ a dhaoine g’ a choinneachadh. Cha robh iad fad’ air asdar ’nuair a chunnaic iad cuideachd de thrupairean a’tighinn san t-sealladh, agus o nach robh teagamh aca nach b’e Montrose a bh’ann ghabh iad direach nan còmhdhail. Thuig iad ann an ùine ghoirid gu’n robh iad air am mealladh; oir cò bha’n so, ach buidheann làidir de na Cùmhantaich; agus ged a bha dithis m’an aon ann diùbh, chuir Cloinn-Phearsain rompa garbh chòmhdhail a thoirt doibh. ’Se Fear-Inereisidh bu cheannard air Cloinn-Phearsain, ’sam feadh ’sa bha e ’tarruing suas a dhaoine, mhothaich e fear dhiubh a’ cromadh a chinn; thog e a bhata chum a bhualadh, ach air do’n fhear eile a cheann a thogail, cò bh’aige, ach Mac Phearsoin Dhailifuir, aon duine co foghainteach ’sa bha de’n chinneach. Le iongantas dh’-fheòraich Inereisidh, cionnas a bha esan, seach gach fear eile na chrùban ri uchd an nàmhuid. “Cha robh mi, ach a’ cur spor air sàil mo bhròige,” a deir Dailifuir, gun iomaguin air bith. Spor! ars’ am fear eile, c’arson air a leithid so a dh’àm? Tha gu bheil a mhiann orm mun criochnaichear an latha, a deir esan, gu’m bi deagh each agam. Rinn Dailifùir a mhath ga fhocal; oir chuireadh an ruaig air na trupairean air a cheud ionnsuidh, agus rinn Dailifùir greim air deagh steud-each leis an do lean e an ruaig, agus leis an tug e da phrìosunach a stigh. Thug a bhuaidh so sàr mheas do Mhontrose air na Gaedheil, agus bhrosnaich e muinntir Athoill le ochd ceud fear a thighinn d’a ionnsuidh le aiteas agus sùnnd, ni a thug mòr mhisneach do na h-Eirionnaich. Tamull beag na dhéigh so thainig Morfhear Kilpont agus Sir Iain Drummond le ceithir-cheud fear d’a ionnsuidh. Bha nise feachd tapaidh fo Mhontrose, agus cha b’ann gun fheum, oir bha Mac Chailein agus flaith- [TD 274] ean gallda eile a’ cruinneachadh le ’m feachd m’a thimchioll. Chunnaic Montrose gu’m b’èiginn da ionnsuidh a thoirt orra mun cruinnicheadh iad am feachd ri chéile; agus chum so a dheanamh ghabh e’n còmhdhail an airm Ghallda fo cheannas Mhorfhear Elcho; agus fhuair e iad air an tarruing sùas an òrdugh catha air sliabh Tippermuir mar cheithir mìle do Pheairt. Bha na Gaill dithis m’an aon ris, le gunnachan mòra agus marc-shluagh, ach chaidh e gu neo-sgàthach an sàs annta. B’ann air latha na Sàbaid a chuireadh am blàr so, agus shearmonaich aon de mhinisteirean nan Cùmhnantach g’am brosnuchadh gu cath, agus a’ gealltuinn doibh làn bhuaidh. Cha robh gunna mòr no trupair fo Mhontrose, ach leis an armachd a bh’ann chuir e ann am prioba na sùl an ruaig air na Gaill. Theich na Cùmhnantaich leis an oillt bu mhò. Bha iomad sodanach trom reamhar nam measg, agus leis a mhaoim a ghabh iad, ’s an t-eagal a chuireadh orra, fhuaras mòran diubh marbh air an rathad mhòr gun bhuille gun urchair. Cha robh ach an aon urchair aig na h-Eirionnaich, agus dh’iarr Montrose orra iad a chumail air an làimh gus am biodh iad uchd ri h-uchd, iad a ghabhail cuimse mhaith, agus an déigh dhoibh an aon dairearach a bh’aca a’ leigeadh riu, iad ga’n spada le earr an gunnaichean. Bha buidheann de na Gaedheil aig nach robh armachd air bith. “A dhaoin’ uaisle,” arsa Montrose riu so, “cha’n’eil ball airm agaibhse, ach faicibh tha gu leòir aig na bodaich Ghalld’ ud far coinneamh. Gabhaibh mo chomhairle, agus togadh gach fear agaibh dòirneag mhath chloiche, leatha sin cuireadh e as do’n Chùmhnantach a tha m’a choinneamh, deanadh e làmh air a chuid armachd, agus na dheigh sin gabhadh e dhòigh fein. B’amhuil a thachair, mar dh’fhiosraich na Gaill bhochda; bhuail an t-eagal iad agus thàr iad as. Eadar an àrfhaich’ agus Peairt thuit ceithir cheud de na Cùmhnantaich; cha do thuit a h-aon de fheachd Mhontrose, agus cha robh ach dithis air an leònadh. Ghlac e gach goireas a bh’aca, agus chuir e’ fheachd fein nan làn uidheam. Lean e an ruaig gu baile Pheairt, a strìochd dha, agus air an do leag e mar ùbhla naoi mìle marg. An déigh dha bhi tri làithean ann am Peairt, chaidh e mu thuath, air an rathad gu bail’ Aberaidhean. Dh’éirich cuid de uaislean na dùthcha leis, gu h-àraidh Morfhear Airley agus a dhithis mhac, daoine nach do thréig e air àm sam bith. Là de na làithean ’nuair bha iad air an turus, mu bhrise na fàire thachair ni a chuir doilgheas mòr air Montrose, ’se sin mort Mhorfhear Kilpont. Rinneadh so le Seumas Stiubhart Ardvorlaich; bha e fein agus am flath òg urramach a mhort e, nan companaich dhìleas o’n òige; chaidil iad an oidhche roimhe sin san aon leabaidh. Chuir an Stiubhartach an céill do Mhorfhear Kilpont gu’m mortadh iad Montrose, gun aomadh iad an t-arm gu aontachadh leis na Cùmhnantaich; chuir so oillt air Kilpont, las fearg an Stiubhartaich, thainig focail shearbh eatorra, agus ’se bu deireadh gu’n do thuit Kilpont. Theich an Stiubhartach, thug saighdeir a bh’air faire oidheirp air a bhaca, ach chuir e as da, agus thug e am monadh air a’ deanamh a shlighe feadh ceo agus allabain gus an d’thainig e chum feachd Iarla Earraghaidheal, [TD 275] a ghabh ris le cairdeas môr. Gun teagamh bha giùlan an Stiubhartaich ro oillteil, ach mar chaileiginn do leithsgeul faodar a ràdh gu’m b’e barail dhaoine gu’n robh e as a bheachd. O òige bha e ceannsgalach, borb, feargach ’na nàdur, agus cha robh san dùthaich uile duine co làidir ris. ’Nuair a bha e air giùlan a mhàthar, thainig air latha àraidhCathairne coilleris an abradh iad Allabain a cheò, dh’ionnsuidh tigh Ard-bhorlaich, (co ac’ bu Chloinn Ghriogair no Dòmhnullaich iad tha e doirbh a nis a ràdh.) dh’iarr iad biadh; chuir a bhean uasal aran agus càise air a bhord, gus an deasaichte ni b’fhearr. ’Nuair a thainig i air a h-ais, ciod a chunnaic i air a bhord ach ceann a bràthar, fear Dhruman-eireannach, air an do thachair iad sa choille, ’sa chuir iad gu bàs. Thug a bhean uasal sgread aisge, is cha b’ioghna dhi. Theich i do’n choille, agus a dh’aindeoin gach siorrachas a rinneadh oirre cha d’fhuaradh i rè ùine mhòr. ’Nuair a dh’amais iad oirre, bha i as a beachd, agus bhuanaich i mar sin gu latha a bàis. Ghabh Montrose agus ’fheachd air an aghaidh gus an d’ thainig iad dlù do Aberaidhean, far an do thachair na Cùmhnantaich air aig Drochaid Dee, fo cheannas Mhorfhear Burley. Cha robh ach àireamh bheag maille ri Montrose, oir chaidh a chuid bu mhò de na Gaedheil dhachaidh, ach leis an dorlach a bha aige fhuair e sealbh air Aberaidhean; ach cha b’ ann gun ni gun saothair. Choisinn Alastair Mac Cholla agus na h-Eirionnaich cliù anabarrach. Chaill a h-aon de na gaisgich chrìdheil so a chos an teas a bhlàir—“Air mo bhaisde ars’ esan, agus ’s duine uasal mi nis—oir ’s éigin doibh Trupair a dheanamh dhiom”—Thug so gàire air a chompanaich, agus chaidh iad air an aghart gu h-aighearach. Fhuair Montrose a stigh do Aberaidhean far an do chuireadh mòran de mhuinntir a bhaile gu bàs. Chuir na h-Eirionnaich as doibh gun iochd. Dh’ àithn iad doibh air tùs an cuid eudaich a chur dhiùbh, chum nach salaichte le m’ fuil iad agus an sin chuir iad gu bàs iad, air ghaol an cuid eudaich a ghleidheadh dhoibh fein. Rinneadh àr anabarrach air muinntir a bhaile thruaigh so, fad thìr làithean. Bha Mac Chailein le feachd làidir a’ leantuinn Mhontrose, ach a reir coslais cha robh e ro dheònach air teachd na charamh. Bha Montrose a nis air a chuairteachadh air gach taobh le naimhdibh; agus b’ éiginn da pilleadh, a’ deanamh astair a bha neo-ghnàthaichte le arm air bith a dheanamh, agus a’ fulang cruadail nach b’ urrainn arm eile ach iad fein a sheasamh. Dh’ fholaich e a ghunnaichean mòra ann am mòintich; ghabh e tre Bhàideanach far an d’ fhuair iad rogha biatachd o Chloinn Phearsain. As a sin phill e tre Adhall chum Machair-Aonghais, air ais a rìs do Shiorramachd Abaraidhean ann an dòchas fhathasd gu’n éireadh na Gòrdanaich leis. Ged a bha ceithir mìle fear aig Mac Chailein. cha robh de mhisneach aige na bheireadh aghaidh air Montrose ge nach robh aige ach cuig-ceud-deug fear. Cha ’n ’eil cothrom againn air mion-chunntas a thoirt air giùlan fuileachdach Mhic Chailein agus a chuid Cùmhnantach. Mhort agus mharbh iad gun iochd gach duine nach éireadh leo. Loisg a’s chreach iad fearann nan Gordanach co [TD 276] buileach ’s nach robh ceithir-chosach r’a fhaicinn fad an fhuinn. Thog Montrose agus a dhaoine an cairtealan aig Caisteal Fyvie, far an robh e ann an cunnart mòr. Bha a chuid daoine air an sgaoileadh feadh na tìre, ’s gun dùil aige gu’n robh nàmhaid na chòir; agus gun ach beagan de dhaoine maille ris, an uair a thainig Mac Chailein agus Iarla Lothian le mìltean m’a thimchioll. Chuir so, mar bu dùgh dhoibh, uamhas air muinntir Mhontrose, ach cha’n aithnite air fein gu’n robh eagal sam bith air. Thionndaidh e ri gaisgeach òg Eirionnach ris an dubhairt e, Ciod a tha thu a’ deanamh an sin O’Kain? Falbh agus sgiùrs air falbh na biastan leibideach ud, aig a bheil de dhànadas maoidheadh oirnn. Rinn O’Kain mar dh’ iarradh air; ann an prioba na sùl chuir e’n ruaig orra; agus ghlac e mòran fùdair o na Cùmhnantaich. Marbhaisg, a deir esan, air na trustair aig nach robh de mhodh na dh’ fhàg riarachadh an fhùdair de pheileirean! Bha nise deireadh na bliadhn’ ann, cha b’urrainnear na Gaedheil a chumail o dhol dachaidh. Thug Montrose cead an coise dhoibh; agus a dh’aindeoin lionmhoireachd feachd Mhic-Chailein fhuair e fein agus a dhaoine gu sàbhailte as. Sgaoil Mac Chailein a chuid airm, agus phill e fein a chur seachad a gheamhraidh ann an Inbheraora. T. M‘L. LATHA CAISG. Ceud fàilt ort a mhaduinn— A mhaduinn an àigh; Chaomh mhaduinn gun ghruaman, Gun smalan gun bhruaillean, Ghlan rosgaibh gun smuairean Làn uaisl’ agus gràidh; Duisgs’ aoibhneas neo-thruaillidh Mhaireas buan anns gach àit’! Biodh do ghriansa le’ h-aoibhneas A’ boillsgeadh ’s a’ dears’; A’ fògradh ’s a fuadach, Gach ceathaich is gruamaich’ O gach cridhe tha’n cruadal Fo uamhunn a bhàis; A’s innis gu’n bhuadhaich An t-Uan anns a bhlàr. O giùlain an sgeulsa Do’n euslan bhochd thruagh; Dha aithris le fìrinn— Dha aithris le cinnte— Gu’m bheil slàinte an Iosa O’n mhilltear ’s o’n uaigh; Do bhraighdibh bochd dìte Fo bhìnne ro chruaidh. Dha innis ged shàruich Car trà e na slòigh; Ged dhiùlt iad le tàir e— Ged mhasluich, ged nàraich— Ge dhìt iad gu bàs e Le tàmailt sa mhòd; Gu’n d’eirich an àird e Le slàinte ’s le glòir. Dha innis gu’m fac’ thu Sàr ghaisgeach nam buadh— A’ mosgladh ’s a’dùsgadh O chodal bu chiùine, Mar a mhaduinn a ghnùis gheal Gun smùirnein gun ghruaim; Gun chreachadh ’s gun spùinneadh An ùir leis ’s an uaigh. Dha innis gu’m fac’ thu An gaisgeach nach fann [TD 277] A’g éiridh gu buadhach A’g èiridh gun ghruamaich’ ’N déigh braighdibh bochd truagha ’Shaor fhuasgladh á fang, O’n bhàs a’s o thruailleachd, Le buaidh chath gun taing. Dha innis chum sìorrachd Gur e’n grian e ’s an ròd— Gur e’n dìdean ’s an sgà e, Gur e’n Slan’ear gu bràth e, Gur e’n gaisgeach nach ceàrr e ’Nam gàbhadh a’s bròin; ’S nach dìobair gu bràth iad Gu’n tàr iad gu glòir. Nach aithris thu ’n sgeulsa Le éibhneas ’s le mùirn; Nach aithris gu luath e— Do’n lag-chridheach thruagh e— Ged thionndar san uaigh e Gu truailleachd ’s gu smùr, Gu’n éirich ’s gu’n gluais e Nios uaipe le sùnnd. Mar chaoin-mhaduinn shamhraidh Gu’n dealraich a ghruaidh; Mar chaomh mhaduinn chùbhraidh, Mar mhao-mhaduinn dhrùchda, Gu’m bi aogasg a ghnùise, Gun chùram gun ghruaim: ’S gu’n éirich le sunnd e Le mùirn a ’s le buaidh. Dha innis ge duaichni Gnùis uaine a bhàis, Ge h-ogluidh a shealladh— Ge caol shuileach scallach, Ge h-aognuidh de h-alluidh Ge sgionnach gun àgh— ’S ged bhuadhaich car sealan, Nach meal e am blàr. Dha innis ged rùisg e ’S ged spùinn e do ghruag, Ged chaith e gu d’chùl thu— Ged ghlais e do shùilean— Ged thionndar gu smùr thu Gu h-ùir thu ’s gu gual; Gu’n creachar da chliù e ’S gu’n spùinnear da bhuaidh. O! ’S ’binn leam r’a éisdeachd Do sgeulsa a lò: O! ’s taitneach am chluais e— ’S ro bhlasda gach uair e— O! Cluinneam gu buan e A’ gluasad am chòir; Gu’n cluinneam le buaidh e ’Ga luaidh ann an glòir. Gus am faic mi mu m’ choinneamh Naomh chomunn nam buadh; Gus an cluinn mi gu h-àrd e O’m bilibh ’s o’n clàraibh, Am fonn ud ro àluinn Leam is gràdhach gach uair, Gu’n chreachadh le’m’ Shlàn’ear Am bàs a’s an uaigh. F. G. Eachdraidh ma Mhurcha Gèarr. Cha d’fhág Mac’Illeathain Lochabui, a thuit ann an cath o chionn trì cheud bliadhna, ach aon mhac, a bha san àm na leanabh; agus ghabh bràthair-’athar, Murcha, fear Sgalasdail, a chùram air fein. Nochd e an ùine gheàrr gu’n robh rùn aige an oighreachd fhaotainn dha fein; agus b’eiginn do’n oighre òg, an déigh ioma cunnart’ teicheadh do dh’Eirinn, far an do ghabhadh ris le mòr fhialachd, ann an tigh O’Nèill. Bha brathair-’athar aig an tigh aineolach ciod a dh’éirich do’n òganach; agus dh’innseadh sgeul le daimhich an òganaich gu’n deachaidh a bhàthadh. Mheudaich Murcha a chairdean le nighean do Mac-Iain-Stiubhart na h-Apunn a phòsadh, teaghlach a bha ro-chumhachdach; agus leis a sin bha e ’m barail [TD 278] gu’m feudadh e an oighreachd air an d’ rinn e breith-air-éiginn, a shealbhachadh, gun bhi air a bhacadh. Gidheadh cha do chaill mac a bhráthar, d’am b’ainm Murcha seallach air a chòir. Bha e air ’fhoghlum leis an triath fhlathail, ainmeil sin O’Nèill, m’an abradh Bàird nan àmanna sin, “Gu’n robh aoidhean an tigh O’Nèill ni bu lionmhoire na craobhan na coille, agus gu’n robh e ni b’fhialaidh mu mhaoin na bha’n cuan m’an mhaorach.’ Bha Murcha ’n aois òige air a chomharrachadh a mach airson a mhòr mhisnich, agus choisinn e àrd mheas a’measg a chompanach. ’Nuair a thainig e gu aois thug a charaid O’Nèill comas da pilleadh da thìr fein, agus chuir e leis buidheann thaghta de mhuinntir Eirinn, a ghabh os làimh falbh leis a dh’fhaotainn sealbh na h-oighreachd. Chaidh an t-oighr’ òg gu tìr ann an ionad uaigneach, air an robh e làn eòlach; agus chaidh e air aghaidh na aonar, chum fiosrachadh fhaotainn cionnas a bha’chùis roimhe. Ràinig e dlù air a Chaisteal fein, le iomad cuimhneachan ag éiridh suas ’na inntinn. Bha’n crodh sa bhuailidh, agus an àm dha bhi dol seachad air a bhanaraich, a bha leigeil mairt, thug a bhò briosgadh aisge, agus dhòirt i’m bainne. Dh’éigh a bhanarach, Dia le Murcha! agus chual am fleasgach a chainnt. Bu tric leo san tìr sin, gu’n d’thugta deoch bhainne do gach neach a rachadh seachad air a bhuailidh, agus thairgeadh do Mhurcha deoch air an àm so. Ghabh e deoch, agus dh’fhiosraich e de’n bhoirionnach ciod a bha i ciallachadh leis a chainnt ud Dia le Murcha; oir thuig e nach robh ’n dùthaich ro ghaolach m’an fhear a ghlac a chòir. Tharruing am boirionnach osnadh throm; agus dh’fheòraich e a h-ainm: Agus ’nuair a dh’innis i, thuig e gu’m bi a bhanaltrum a bh’ann. Leig e ris di a chneas, a leigeadh fhaicinn ball-dòbhrain a bh’air a thaobh clì, thug e faireachadh dhi bhi air a faicill. Ghrad aithnich a bhanaltrum dhìleas e. Bha oide Mhurchaidh, (a ceud fhear) marbh, agus bha i ’san àm sin pòsda ri dorsair a chaisteil, oifig ris an robh mòran an earbsa, agus bha e’n comas an duine so a bhi ro-fheumail do’n choigreach. Thuirt a mhuime ris gu’n leigeadh ise na laoigh air mheadhon na h-ath-oidhche an caramh a chruidh, agus le ’m bàirich gu’n cluinnte sa chaisteal iad: Gu’m fosgladh a fear an geata dhise gu dol d’ an ionnsuidh, agus gu’n d’ thigeadh Murchadh òg agus a dhaoine a stigh; gu’n cuireadh iad glomhar san dorsair, ’s gu ’m biodh a chùis leo. Dh’ éirich dhoibh mar am miann, agus fhuair an curaidh òg gaisgeil so seilbh air daingneach làidir a shìnnsir. Cha b’fhada gus an do chruinnich a dhaoine gu Murcha Gèarr, frith ainm leis an robh e ’n déigh sin air ’ainmeachadh; ach cha robh brathair-’athar sa Chaisteal ’nuair chaidh a ghlacadh, agus chuir e roimhe ged a chaill e’n Caisteal, gu ’n gleidheadh e an oighreachd. Chaidh iomad cath a chur eatorra, agus chaidh iomad gniomh éuchdach a dheanamh air gach taobh. Bha ma dheireadh blàr suidhichte eatorra, anns an do ghabh Stiubhartaich na h-Apunn le fear Sgalsdail, agus Clann’Illeathain an Rois le Murcha Gearr. Bhuadhaich Murcha Gearr, ach cha do leig brath’-athar a thagradh dheth. Fhuair Murcha Gearr e na chodal ann an uamh, agus dh’ fhigh e dual [TD 279] d’a fholt m’a bhiodaig, air an robh ’ainm air a ghearradh, shàth e san talamh i, agus mar so dh’ fhàg se e. ’Nuair a mhosgail am fear eile, thuig e gu grad mar thachair agus thuirt e, “Thug mac mo bhràthar buaidh orm fa dheireadh! Thug e a shuairceas mu’n cuairt ni nach b’urrainn d’a ghaisg’ a dheanamh, agus cha tarruing mise tuille am feasd mo chlaidheamh na aghaidh.” Agus sheas e ri fhocal. P. M‘F. AN DU-THRA SAMHRAIDH. Tha cuileaga meanbh ’s na caochain, Tha’n drùchd a braonadh tlà, ’S na cearca-tomain sgaothach A glaodhaich feadh a chàithr’; Tha’n lòn dubh seinn gu h-aobhach ’S gun aon a cur air sgàth, ’S clìs guanach gobhlain-ghaoithe Ri cluiche fhaoin gu h-àrd. Tha’n smeòrach thiamhaidh chùirteil Ri luinneig chiùin air ghéig; Gur milis binn am brù-dearg ’S a ribheid chiùil air ghlèus; Chaidh nead’n eoin bhuidhe ’spùinneadh’ ’S gur tùrsach e na dhéigh; Tha’n draighinn-donn gu sùrdail Roi ’n phreasnaich dhlù a’ leum. Tha ròs na’m bad a dùnadh, ’S gach blàth gu dlù ’na chéil; Tha’m beithe brùchdadh cùbhraidh; A’s iadh-shlat ùr-ghorm réidh, Biodh càch ’san trà so dùmhlachadh Do thighibh ùpraid ’s réisg, ’Se ruaig air feadh na dùthcha Is rùnaiche leam fhein. Ead. le S. C. “Cha’n òr gach ni ’dheàrsas.” A Theachdaire uiseil, Tha ar luchd dùthcha, mar tha fhios agaibh, onorach agus aon-fhillteach. ’Nuair thig iad gu Galldachd, uime sin, cha’n’eil a bhi beò aca leis na h-Eirionnaich—bheir iad an car asda thall ’sa bhos. Tha aon dòigh shònruichte aca—’se sin leigidh iad tuiteam do shlabhraidh agus do sheul’ uaireadair, no do fhàinne, dlù do Ghael. Aon chuid togaidh fear aca fèin an sporan no leigidh e leis a Ghael chòir a thogail—Bheir iad air a Ghael a chreidsinn gur h-òr a th’ann, oir ’s tric le fear deanamh suas riu le tuiteamas, mar gu’m b’eadh, a their gur fhiach an sporan an uiread so. Cha chuimhne leam bliadhna o’n thainig mi do Ghlascho nach faca mi mo luchd dùthcha mar so air an creachadh ’san ’suilean fosgailte. Uair a dhùraichdinn am bata a ghabhail dhoibh a chionn a bhi cho sìmplidh, agus uair eile a dhùraichdinn na deòir a shileadh arson dhallagan bochda a thainig, math-dh’fhaoidte, dà cheud mìle a chosnadh dà phuind shasunnaich agus an déigh na h’uile ’ga thoirt arson luach dà sgillinn, mar rinn Domhnull Macleoid an uraidh! Thugadh sibhse fairbheanadh dhoibh iad a bhi nam faicill, agus mur gabh iad rabhadh fuilingeadh iad air a shon. ’S mise a Theachdaire uiseil, Bhur seirbhiseach ùmhail, AN GAEL ANNS A BHAILE. Glascho, 1831. [TD 280] CHUM LEUGHADAIREAN AN TEACHDAIRE GHAELAICH. Mo chàirdean gràdhaichte, ’Nuair thòisich mi air a mhìosachan bheag so chur a mach cha do ghabh mi a chùram os làimh ach car aon bhliadhna. Thug mi nis dà bhliadhna de’n t-saothair gu crìch, agus tha mi taingeil gu’n d’ fhuair mi an uiread sin fein a dheanamh. O chionn mios no dhà cha robh smuaintean agam sgur dhe, am fad ’s a bha e’m chomas ni air bith a chur r’a chèile bhiodh taitneach no feumail do m’ luchd-dùthcha ionmhuinn, chuirinn an suarachas gach duilgheadas agus iomaguin a bha na chois; agus ged a b’ ann o chodal na h-oidhche a ghoidinn (mar a’s tric a rinn mi) ùine chum an leabhar beag so ’uidheamachadh cha bhiodh mo shùil an dèigh mo shaothair, ni mò bhithinn a’ gearan. Thainig iomad ni air uairibh a’m’ charamh a theab mo bhrosnuchadh gu toirt thairis da—neo-shuim nan daoine a shaoil leam bu chòir mo chuideachadh—leisg agus suarrachas na muinntir d’ an robh e dligheach ann am bharail saothaireachadh leam anns an oidheirp laig a bha mi tabhairt chum maith an luchd-dùthcha: ach so uile dh’ ionnsuich mi a ghìùlan le foighidinn, agus chinn mi caoin-shuarrach mu’n càirdeas. Ma dhìobair iadsan mi ris an robh mi ag amharc airson còmhnaidh, dh’éirich laoich eile air nach robh mi eòlach, air an lasadh le gràdh an dùthcha agus le togradh àrd chum a maith a chur air aghaidh, a sheas leam, le càirdeas, agus le dùrachd nach di-chuimhnich mi fhads’ a’s beò mi—air chor ’s nach e uile gu léir dì cuideachaidh no dì càirdeis no neo-shuim agus suarrachas mòran de m’ luchd-dùthcha tha nis a’ toirt orm an t-saothair so leigeil seachad, ach aobhar gu mòr a’s cudthromaiche. O mheadhon a gheamhraidh so chaidh seachad, cha robh e’ m chomas, le briste beag a thainig air mo shlàinte, dleasdanas mo sgìreachd a choimhlionadh mar bu mhiann leam, agus tha mi ’mothuchadh gur h-éiginn domh—a dheòin no dh’ aindeoin, sgur de’n Teachdaire car tamuill. Ma bhitheas e’m chomas, (mar tha mo dhòchas gu’m bì,) tòiseachadh na dhèigh so air an t-saothair cheudna, cha bhi mi leisg no mi-thoileach. An fhad ’s a tha mi comasach air focal a labhairt, no peannd a tharruing as leth maith mo dhùthcha thig atharrachadh mòr air mo chridhe ma gheibhear mi balbh, leisg, no lunndach. Ach ma thòisicheas mise agus mo chàirdean dîleas a sheas mi fhathasd agus a sheasas na dhéigh so, gabhaidh sinn dòigh ùr. Ma theid sinn a rìs gu fairge, feuchadh sinn sgioba ni’s furachala, ni’s beachdala agus ni’s eòlaiche air a Ghaeldachd fhaotainn, na iadsan ris an robh an Teachdaire an earbsa a chur d’ ar n-ionnsuidh thuige so. Oidhirpichidh sinn ar latha agus ar còmhdhail a chumail ni’s fearr na rinn sinn, agus iomad sgeir a’s oitir a sheachnadh a chuir grabadh oirnn anns an àm a chaidh seachad. Cha ’n fhiosrach sinn gu ’n do labhair sinn a bheag a chuireadh oilbheum air duine o’n thòisich sinn—’s ioma sgeul neònach a chuireadh d’ ar n-ionnsuidh mu nithibh agus mu dhaoinibh air feadh na Gàidhealtachd a chuireadh iongantas air mòran nam biomaid air an cur a mach: ach chunnaic [TD 281] sinn iomchuidh an cur fo chois. B’e ar n-iarrtas fiosrachadh, eòlas, agus fearas-chuideachd neo-lochdach, gun chron gun dolaidh thoirt d’ ar luchd-dùthcha; agus thilg sinn air chùl gach ni nach robh freagarrach chum so a dheanamh. Anns an t-saothair so dh’ fhiosraich sinn càirdeas o Ghàidheil nam Bailtean mòra bha oscionn aon ni a’s urra’ dhuinn ’ainmeachadh. Dhoibhsan agus d’ar càirdean lìonmhor air feadh na Gàidhealtachd tha sinn a’ tairgse mìle agus mìle taing. Airson na feaghnach sin a rinn an dìchioll chum cur as duinn, cuid diubh le gamhlas follaiseach agus cuid le tolladh fodhainn gu lùbach, cealgach, ’nan dòigheannan sleamhain féin, gu’m meal iad na choisinn iad. Bha e tric ’nar beachd agus do ghnàth ’nar comas, sgailc a thoirt doibh taobh an leth-chinn, a dh’ fhairgheadh agus a chuimhnicheadh iad—ach cha b’fhiach iad an t-saothair. Gabhadh cuid diubh so a nis gach comhairle mhaith a thug iad dhuinne fo shamhladh càirdeis, agus tòisicheadh iad air Teachdaire ùr ’nan dòigh féin. Bha iad a’ talach ’s a’ gearan nach robh sinn a’ deanamh maith—feuchadh iad féin e—tha ’n rathad a nis réidh aca. Ma tha gràdh an dùthcha ’nan cridhe agus fìrinn anns gach gearan bha air an teangaidh, dearbhadh iad e. Soirbheachadh leò ’san oidheirp! Mar a’s luaithe theid iad fo sheòl ’s ann a’s fearr leinne—agus mar a’s buidheiche bhios iadsan ’s ann a’s toilichte bhios sinne: ach cha gheall sinn a leigeil leo falach-cuain a dheanamh òirnn. Ged tha ’n t-sean bhìrlinn air a tarruing gu tìr car tamuill, sann chum a calcaidh, tha dòchas agam, ’s cha ’n ann chum a toirt as a chéile—Cha bhi i fada dol ’na h-uidheam—cha mhò bhios dì lamhan chum a cur gu sàile an latha thuigear gu’m bi feum oirre. Slàn le luchd leughaidh an Teachdaire Ghaidhealaich, ach tha dòchas againn nach h-ann ach car tamuill. ’Smise bhur caraid dìleas An latha chì’s nach fhaic, TORMAID MACLEÒID. CLACHAN CHAMPSIE, An ceud latha de mhìos a Mhàigh, 1831. Printed by D. Maclure, 56, Trongate, Glasgow.