[DA 1] AN CATH SPIORADAIL: AIR A THIONNDADH GU GAIDHLIG, LE EOGHAN MAC EACHAINN. Is aona chogadh beatha mhic-an-duine air talamh. —Job. vii. 1. PEIRT: CLO-BHUAILTE LE MORISONS. 1835. [DA 2] [Blank] [DA 3] INNSE-SGEOIL. ’S ionann an leabhar so agus sgàthan anns a’ faicear caithe-beatha naomh air a cur a mach na riochd dealbhach fhein mar tha i anns an t-soisgeul. Tha an leabhar so a’ fiachuinn ann a’ seòl sònraichte mar is còir dhuinn sinn fhein umhlachadh agus a chlaoidh. Tha e gar cur air rathad dìreach agus cinnteach anns am faod sinn gluasad gu rioghachd fhlathanais air ceuman na naomhachd a’s àirde. Ma shaoileas daoine saoghalta, a tha bàite ann an ùprait san caonnaig na beatha so, gu bheil an naomhachd a tha leabhar so a’ cur mu ’n coinneamh mua’s àrd agus duilich air an son, thugadh iad fonear nach e an rathad do fhlathanas a dhianamh doirbh ach rèidh dhaibh a bha am beachd an ughdaire. B’ àill leis suim agus brìgh an t-soisgeil a thional gu beagan bhriathran, agus a sheagh uil’ a chur a mach fo cheithir chomhairlean; anns a’ faic sinn mar a ghluaiseas sinn air gach ceum do ’n t-slighe do fhlathanas; mar a sheachnas sinn foill ar naimhdean spioradail; mar a chlaoidheas sinn ar n-ana-miannan; is mar a bheir sinn a mach subhailcean. An aon fhacal, tha an leabhar so a’ soilleireachadh ’sa fiachuinn mar a [DA 4] chleachdar ’sa chuirear an gniomh uile chomhairlean an t-soisgeil. Tha soisgeul ag iarraidh oirnn sinn fhein aicheadh: tha leabhar so a’ fiachuinn nan dòighean air an d’ thèid so a dhianamh. Tha soisgeul ag iarraidh oirnn dòchas làidir a chur ann an Dia: tha an leabhar so ag innse mar a nitear so. Tha soisgeul a’ cur mu ’r coinneamh feum math a thoirt as na tàlantan a fhuair sinn; tha an leabhar so a’ soilleireachadh nan tàlantan sin, ’sa fiachuinn mar a chuirear gu dea-fheum iad. Tha soisgeul a’ cur dleasnas na h-urnaigh mar fhiachaibh oirnn: tha an leabhar so am mìneachadh na h-urnaigh, is mar is còir a cleachdadh. Mar sin chithear anns an leabhar so suim agus brìgh an t-soisgeil gu h-iomlan mar gu ’m b ’ann ann a’sgàthan. Air an aobhar sin an neach air a bheil a mhiann dìreadh gu mullach na coimhlionachd a’s àirde leanadh e na comhairlean a tha air an cur a mach anns an leabhar so. ’S iad na buadhan so, maille ri ioma buaidh àghor eile, a dh’ fhaodainn ainmeachadh na ’m biodh e riatanach, a thug air Naomh Frannsi Sales, duine cho mòr naomhachd ’sa dh’ èirich anns na linnte deireannach so, an leabhar so [DA 5] ghiùlan na phòca tuilleadh agus fichead bliadhna a’ leughadh roinn dheth a h-uile latha. ’Si chairt-iuil an t-ainm bh’ aig’air; agus b’i a chomhairle do ’n h-uil’ h-aon a thigeadh gu ionnsuidh mu gnothach cudtromach ’sa bith spioradail gu ’n leughadh e a leabhar so. Agus ged tha an leabhar ud eile dha ’n ainm leanmhuinn Chriosta, ag iarraidh mar tha fear so, an t-anam a shnaim ri Dia, s’ ann do ’n leabhar so a thug Naomh Frannsi an urrum. Agus ’se reuson bh’ aig air sin gu robh an leabhar so am fiachuinn mar a chuirte an gniomh na comhlairlean a bha e toirt seachad, rud nach robh a’ fear eile dianamh, ge do bha e làn do sheòlaichean matha. ’Se crannchar an leabhair so, mar ioma leabhar math eile, gu bheileas ga chàradh air mòran ughdairean. A brìgh coltais, ’se DON JAN DE CASTANISA, BENEDIGEACH SPAINEACH, a chuir a chiad pheann air. Ach ’se DON LAURANS SGUBULI EADAILDEACH a chuir an lamh mu dheireadh ris. Tha e nis air a thionndadh gu Gaidhlig. Agus gu Gaidhlig cuideachd ris na ghabhadh rud-eiginn saothrach, gus a fàgail rèidh soilleir dealbhach, saor o fhaclan Beurla, agus o Ghaidhlig leathan thuathach. [DA 6] [Blank] [TD 1] AN CATH SPIORADAIL. Cha d’thèid neach a chrùnadh ach esan a ghleachdas ceart.—2 Tim. II. A’ CHIAD CHAIBIDEAL. Coimhlionachd chriostail air a mìneachadh. Gun saothair cha toirear a mach i. Na ceithir miadhoinean a tha riatanach gu comhlionachd a chosnadh. MA ’s àill leat, o ainim chriostail, ruighinn air a’ cheum a’s àirde do choimhlionachd an t-soisgeil, agus thu fhein a shnaim ri Dia cho teann, is gur ionann spiorad dhutsa agus dhasan, cha ’n fhuilear dhut, gus an gnothach so, a’s uaisle a thèid a luaidh no smaoineachadh, a dhol leat, gu ’m biodh fios agad an toiseach air brìgh agus feartan caithe-beathe spioradail. Saoilidh cuid a dh’ fheadhainn, ’siad a’ toirt breth o leth-amach, gur i brìgh na naomhachd, a bith dianamh breitheanas-aithrich, a’ caitheamh lèinte-gaoisid, gan claoidh fhein, a’ cur ri caithris ri traisg, is ri ciosnachadh am pearsa fhein. Tha mòran an dùil, agus gu h-àraid na boirionnaich, gu bheil iad buileach diadhaidh, ma ni iad urnaighean fada beoil, ma dh’ èisdeas iad [TD 2] mòran aifrionnan, ma fhreasdaileas iad do ’n ofig naoimh air fad, ma chaitheas iad grathunn math ùine anns an eaglais, is ma thèid iad an caramh cuirp an Tighearna gu tric. Feadhain eile, gun seachnadh air cuid dhiusan a liubhar iad fhein do Dhia ann an taighean-cràbhaidh, a’ dianamh dheth gur i brìgh na coimhlionachd chriostail, freasdal air a’ chosheirm, dèidh air uaigneachd, cumail gu matha riaghailtean an taighe. Mar sin, tha cuid a saoilsinn na naomhachd ann an aon rud, cuid ann an rud eile. Ach is cinnteach an gnothach gu bheil iad uil’ air am mealladh. Oir, mar nach ’eil ann gniomhan na leth-amach ach miadhoinean gu ruighinn air fior naomhachd is fior choimhlionachd, air-neo toradh na fior dhiadhachd, cha ’n fhaodar a chantuinn gu bheil fior choimhlionachd no fior dhiadhachd ri fhaotuinn na h-aon do na cleachduinnean sin. Gu deimhinn is miadhoinean cumhachdach iad gu ruighinn air fior choimlionachd agus air fior naomhachd: agus nuair a thèid an cleachdadh ann a’ seòl ceart, tha brìgh mhòr unnta gus ar nàdar a rian, a tha daonnan gràineach air a’ mhath, is tìtheach air an olc, gu buaidh a thoirt air ar namhaid spioradail, agus a ribeichean a sheachnadh, gus an cuideachadh sin fhaotuinn o Athair na tròcaire, a tha riatanach do na daoine matha, gu h-àraid an fheadhainn a tha tòiseachadh. Ann an daoine matha is toradh prìseil na gniomhan so a tha tighinn o árd shubhailcean. Oir is abhuist a leithid sin do fheadhainn an colunn fhein a chlaoidh, mar pheanas airson nam peacannan anns na thuit iad, no mar bharrachd umhlachd agus striochdaidh dha cruthadair:—iarraidh iad gu diomhaireachd is gu tosdachd mar dhion o bhruaillean saoghalta, is mar dhìdean an [TD 3] an aghaidh a’ pheacaidh a’s lagha, agus gus gu ’m bi an comhra mhàin ri Dia agus ri ainglibh. An ùine tha iad a’ buileachadh ann an gniomhan cràbhaidh agus ann a’ seirbheis Dè: tha iad ri urnaigh, agus a’ smaoineachadh air beatha is bàs an Slànair, cha ’n ann mar chulaidh ioghnaidh, no gu toileachadh dhaibh fhein, ach gus am barrachd eòlais fhaighinn air mòr mhathas Dè, agus air miad am mi-thàingealachd fhein: gu tuille glòir a thoirt do Dhia, agus am barrachd fuath dhaibh fhein: gus gu lean iad an Tighearna, an tog iad a’ chrois na dhèigh, agus gu ’n aicheadh iad an toil fhein: gus gu ’n glac iad na sàcramaidean mar leasachadh air glòir Dè, is mar chulaidh fhasdaidh orra fhein ris nas mua, is mar bharrachd dion o chumhachdan shàtain. Ach cha ’n ionann cor dhaibhse a shuidhich an naomhachd ann an oibrichean na leth-amach, rud a tha tionndadh gu tric gu ’n aimhleas siorruidh, is gus nas mua dholaidh dhaibh na peacannan follaiseach; cha ’n e gu bheil na gniomhan sin olc unnta fhein, ach ’se an cron brìgh na naomhachd a chur unnta. Oir tha iad cho fad an geall orra, is nach ’eil faire ’sa bith aca air gluasadan diomhair an cridhe fhein, ach a toirt làn chead dha, is ga fhàgail faoin fosgailte ga smaointean truaillidh fhein, agus do cheilg an deomhain.—An sin nuair a chi am buaireadair an seachran, cha ’n fhoghainn leis an sparradh air adhart nan iomrall nas fhaide, ach lionaidh e an inntinn le smaointean uaibhreach: bheir e orra a chreidsinn gu bheil iad a nis a’ blasad air sòlas fhlathanais, air toil-inntinn nan aigeal, agua a’ faicinn Dè aghaidh ri aghaidh. Cha ’n ’eil eisiomail aig a’ mhealltair air dol nas fhaide, agus ann an urnaigh an chridhe smaointean àrda neonach àilleasach a chur nan ceann, los gu ’n [TD 4] diochuimhnich iad an saoghal, is gach ni air uachdar, agus gu ’n saoil iad gu ’n deach iad suas gu neomh, is gu ’n d’ ràinig iad an treas flathanas. Ach am beachd a’s laga ghabhar air an giùlan chitear am mearachd; agus an uidhe mhòr tha eadar iadsan agus a’ choimlionachd air a bheil sinn a nis an tòir. Oir anns a h-uile ni is math leo a bhith fos cionn feadhnach eile; cha ’n ’eil eòlas aca air rian ’sa bith, ach an comhairle fhein, no riaghailt eile, ach an beachd fhein, no iùl ach an toil fhein: ach ge dall iad gan taobh fhein, is gle gheur-shuileach iad ann an gnothaichean feadhnach eile, deas daonnan gu ’n giomhan fhaicinn. Ach air laimh eile faigh ach an cron a’s lagha do’n naomhachd a tha iad a’ saoilsinn aca fein, agus mu bheil iad anabarrach beadarrach, iarr orra rionn air bith do ’n chràbhadh a tha iad a’ cleachdadh a leigeil dhiu, agus cha bhith cuibheas air am furban is air an antlachd. Ma leigeas Dia fein, gus an sùilean fhosgladh, agus slighe na fior choimhlionachd fhiachuinn dhaibh, croisean, easlaintean, no geurleanmhuinn na rathad (nichean a tha am fiachuinn aigne a sheirbheisich, agus nach tachair a chaoidh ach le aonta agus le thoil) bristidh an àrdan a mach air ball, a toirt teisteanas mar sin air truailleachd an cridhe. Anns gach ni a thig nan rathad anns ’sa bheathasa, biodh e math no olc, cha ’n aithne dhaibh lùbadh do thoil Dè; cha mhua tha eòlas aca air striochdadh ga chumhachd mhòir; no gèilleadh ga breitheanas, a tha cho ceart ’sa tha e diomhair is do-rannsaichte; no iad fhein umhlachadh an làthair gach duine, coltach ri Iosa Criosta chaidh a cheusadh; no gaol a thoirt ga ’n naimhdean, mar ionnramaidean an lamhan iochdar Dè gus an claoidh, agus an cur air adhart gu [TD 5] tuille naomhachd anns a’ beatha so, ’san toirt gu flathanas an dèigh so. ’S ann an so tha am mòr chunnart a bhith càilte. Oir, ag amharc orra fhein is air an dianadas, neo lochach ann an seol, ataidh iad suas le pròis, saolidh iad gu bheil iad gle theann air Dia, dèigh sin is ro-dheas iad gus an t atharrach a dhìteadh. Seadh, air uairibh tha an àrdan gan dalladh cho mòr, is nach dian nas lagha na miarailte do ghràsan Dè an tionndadh gu staid cheirt. O so tha e tachairt, gur fhasa na rag-pheacaich a tharruing gu dea-staid, na iadse a cheil orra fhein an cridhe fo chleòc no naomhachd. O so tha e rèidh dhut ri thuigsinn, nach ’eil diadhachd ri fhaotuinn na h-aon ’sa bith do na a gniomhan a dh’ ainmich mi. Ach ’s ann an so gheobhar a’ brìgh, ann an eòlas air mòralachd Dè agus a mhathais, maille ri lèirsinn air ar laigse fhein, agus air ar claonadh gu olc; ann an toirt gaoil do Dia agus fuath dhuinn fhein; ann ar lùbadth fhein sios, cha’n ann a mhàin an làthair Dè, ach as a lethse ann an làthair gach duine; ann a’ cur cùl gu buileach ri’r toil fhein, ’sa dianamh toil Dè; agus gus an gnothach a chrùnadh, ann an dianamh a h-uile ni mar leasachadh air glòir ar cruthadair, gun iarraidh air ni ach a thoileachadh, gun aobhar ’sa bith eil’, ach gu ’m bu chòir do ’n h-uile creutair a mealtumn agus a sheirbheiseachadh. So agad lagh a’ ghràidh a sgriobh a’ Spiorad Naomh air cridheachan nan daoine taghte. Sin mar tha an t-aicheadh ud oirnn fhein, a tha ar Slànair ag earal oirnn cho teann anns an t-soisgeul ri chleachdadh; so an ni a tha fàgail a chuing cho mìn agus eallach cho aotrom. Ann an aon fhocal, ’s ann an so a tha blagh na h-umhlachd sin, a tha ar maighistir naomh ag earal [TD 6] oirnn le bhriathran maraon is le dhianadas. Air an aobhar sin, o ’n a tha thu strì ris a’ choimhlionachd a’s àirde thoirt a mach, feuma’ tu cogadh ad aghaidh fhein gun lasachadh, agus a h-uile h-ionnsuidh a thoirt air gach droch cleachdadh a tha fuighte riut a chlaoidh. Ime sin cha ’n fhuilear dhut dianamh deas airson na comhraig le bhith làn misnich is cruadail; oir neach cha d’thèid a chrùnadh, ach esan a ghleacas gu cruadalach. Ach cuimhnich, mar nach ’eil cogadh ann a’s cruaidhe spàirn na ’so, (oir ’s ionann a’ neart air gach taobh, an fheoil agus an spiorad) ’s amhuil sin nach ’eil buaidh ann a’s taitniche do Dhia agus a’s urramaiche do ’n neach a bheir a mach i: oir neach sa bith a tha cho misneachail is gu faigh e lamh-an-uachdar air ana-miannan fhein, is gu ’n d’ thoir e buaidh air a leannanan peacaidh anns na gluasadan a’s lagha, tha e a’ dianamh gniomh a’s fiachaile an làthair Dè, na gun sin, ge do reubadh e fheoil fhein le sgiùrsadh, no ge do dhianadh e tuille traisg na rinn na h-aithriche naomh o shean san fhàsach, no ge do thionndadh e mòran pheacach. Tha e cinnteach, ma sheallas sinn air gnothaichean unnta fhein, gur mòr is taitniche leis an Ard-righ anam a thionndadh o’ staid a’ pheacaidh, na ged chlaoidhte leannan peacaidh; ach an dèigh sin’ uile, bu chòir do ’n h-uil’ h-aon teannadh ris a’ ghnothach sin a thatar a’cur mu choinneamh ’sa cheart àm. A nis an gnothach a tha Dia a’ cur mu’r coinneamh ro’n h-uile ni, ’se tòiseachadh ga rireamh air strian a chur ri’r n-ana-miannan, agus se sin dleasnas a’s áraidh dhuinn a dhianamh, na seirbheis bu mua agus sinn fo chuibhrichean ar peacannan. A’ tuigsinn mar so nàdar na coimhlionachd [TD 7] chriostail, agus a’ faicinn gur h-ann le cogadh làidir ad aghaidh fein bheir thu mach i, tòisich leis na ceithir nichean so ghabhail fos laimh, mar airm nach gabh seachnadh gu buaidh a chosnadh anns ’sa chath. ’Siad na h-airm sin, neo-earbsa asad fhein, earbsa a Dia, dea-fheum a thoirt a buadhan do chuirp, agus dleasnas na h-urnaigh a chleachdadh. Na nichean so, le gràsan Dé, cuiridh sinn a mach gu soilleir is gu h-athghoirid anns na caibideil so a leanas. II. CAIB. Air neo-earbsa as sinn fhein. THA neo-earbsa as sinn fhein cho ro-riatanach anns ’sa chath spioradail, is nach ruig sinn a leas dùil a bith againn gu faigh sinn lamh-an-uachdar air na giomhan a’s lagha as aonais na subhailce so, agus is lagha na sin a choisneas sinn làn bhuaidh. Bu chòir do ’n fhìrinn so a bhith sgriobhte air ar cridheachan: oir ged nach ’eil unnainn ach neoni as sinn fhein, cha ’n ’eil sinn ach mua ’s deas gu uaill a chur as ar càileachdan, a’ smaoineachadh gun reuson gur rud-eiginn sinn fhein. ’S ann o choirbte ar nàdair a tha ’n giomh so tighinn. Ach mar is doimhne dhrùigh e oirnn, ’s ann is dorra fhaighinn a mach. Ach tha Dia, air nach ’eil ni falach, a’ coimhead air le sgreatachd. A thaobh is gur i thoil, gu’n d’thuigemid againn fhein, nach ’eil subhailc againn no gràsan nach ann uaithe fhein a tha iad a’struthadh, agus nach urruinn duinn aon smaoineachadh ceart a bhith againn as aonais. Ach ged is gibht a flathanas neo-earbsa as sinn fhein is as ar neart fhein, a tha Dia a’ toirt seachad do ’n fheadhainn a ’s toil leis, air uairlbh [TD 8] le gluasadan a ghràs, air uairibh le trom anshocair, no le buairidhean do-channsaichte ach gann, no le dòighean eile do-lèirsinneach dhuinne. An dèigh sin ’s àill leis gu’n rachamaid gu ’r dùbhlan ga toirt a mach, rud a ni sinn ma chleachdas sinn le gràsan Dè na ceithir mhiadhoinean tha mi dol a dh’ ainmeachadh. A chiad mhiadhoin gu’n gabhamaid sàr bheachd air ar laigse fhein, gu ’n tuigemid gur neoni sinn, agus nach urruinn sinn a thaobh ar neoneachd a’ math a’ s lagha dhianamh, no an ceum a ’s lagha thoirt gu flathanas gun a chomhnadh. An ath miadhoin gu ’n iarramaid air Dea le mòran umhlachd agus dùrachd gu ’n d’ thugadh e dhuinn an t-subhailc fheumail so: oir ’s ann uaithe a dh’ fheumas i tighinn. Tòisichmid mata le gabhail ris nach ’eil i againn agus nach ’eil e na’r comas a toirt a mach am feasda le’r neart fhein. Agus an sin tilgemid sinn fhein aig casaibh an Tighearna, is guidhemid air gu tric gu ’n d’ thugadh e dhuinn ar n-iarratas, agus biodh dòchas làidir againn gu faigh sinn e: ma ses gu feith sinn gu faighidneach ri toradh ar urnaigh, a leanail oirre cho fad agus is math leis an Ti a’s àirde. An treas miadhoin ’se gu ’n ionnsaichmid uidh air n-uidh a bhith neo-earbsach as sinn fhein, a’ gabhail eagail a ceilg ar n-inntinn fhein, ar togradh làidir gus am peacadh, lionarachd na naimhdean gàbhaidh a tha mu chuairt duinn, a tha dol fada fairis oirnn an innleachd an eòlas ’sa neart, is tha comasach air iad fein a thionndadh an riochd aingle soluis, agus a tha daonnan a’ caitheamh foill oirnn nar slighe do fhlathanas. ’Se an ceathramh miadhoin, nuair a thuiteas sinn ann coire air bith, gu ’n smaoinich sinn oirnn fhein, fiach a’ faic sinn cho lag ’sa tha [TD 9] sinn: oir cha ’n ’eil Dia a’ leigeil dhuinn tuiteam uair air bith, ach gus am barrachd soilleireachadh a thoirt duinn oirnn fhein, fiach an dianamaid diù dhinn fhein mar chreutairean suarach, agus gu’n iarramaid o’r cridhe gu n d’thugadh feadhainn eile tàir dhuinn, gun so cha ruig sinn a leas dùil a bhith againn gun coisinn sinn neo-earbsa as sinn fhein; oir ’sann air an umhlachd ’sair barail bheag oirnn fhein a tha stèidh na subhailce so. Gu cinnteach, ma tha neach air bith an geall air tighinn teann air an fhìrinn shiornruidh, agus air fuaran an t-soluis, cha’n fhuilear dha a bhith lan eòlach air fhein; agus gun cheum nan uaibhreach a leanail, nach ’eil a’ faighinn fiosrachadh air bith ach na bheir am peacannan dhaibh, is nach tòisich air fosgladh an sùilean gus an tuit iad ann am peacadh gràineil air chor-eiginn gun fhaireachduinn dhaibh. Rud a tha tachairt le òrdugh Dè, gus gu faic iad an laigse fhein, agus gu’n ionnsaich iad air an cosg gun earbsa a chur as an neart fhein. Ach cha tric le Dia leigheas cho goirt fhiachuinn dha ’n dànadas, ach nuair a dh’ fhairtlicheas miadhoinean a’s caoine air. An aon fhacal tha e leigeil le feadhainn tuiteam ann am peacannan beaga no mòra air rèir an àrdain. Agus na ’m biodh duine air bith ri fhaotuinn cho saor o n pheacadh so, ’sa bha an òigh bheannaichte Moire, faoda’ mi chantuinn le fìrinn nach tuiteadh e idir. Air an a aobhar sin nuair a thuiteas tu ann an coire, gabh san uair beachd air do laigse fhein, a’guidh air an Tighearna, gu’n d’thugadh e dhut soilleireachadh, fiach am faic thu thu fhein mar tha thu na làthairse, air chor is nach cuir thu earbsa as do neart fhein tuille; air chaochla’ dòigh tuitidh tu anns na peacannan ciadna rithist, agus theagamh [TD 10] ann am peacannain a’s mua, a dhìteas t’ annam gu bàs siorruidh. III. CAIB. Air earbsa ann an Dia. GED tha neo-earbsa as sinn fhein tur riatanach anns a’ chath spioradail mar a chaidh fhiachuinn, an dèigh sin mar ’eil taic ’sa bith eil’ againn cuirear air theicheadh sinn gu luath, is ceannsaichear sinn leis an namhaid, spuillear is creachar sinn. Air an aobhar sin tha dòchas làidir ri chur ann an Dia, ughdair a h-uile mathais, agus an aon Ti a bheir buaidh dhuinn. Oir mar is gnothach cinnteach gur neoni sinn fhein, is fheudar gu’n tuit sinn ann a’ sgiorraichibh gu tric agus gu gàbhaidh, agus innsidh reuson fhein dhuinn nach ’eil earbsa ri chur as ar neart fhein. Ach ma tha ar laigse fhein mu choinneamh ar sùl, coisnidh sinn le comhnadh Dè buadhan comharraichte air an namhaid; a thaobh is nach ’eil nì a ’s fhaide thèid gu comhnadh fhlathanais fhaotuinn, na dòchas làidir ann an Dia. Ceithir miadhoinean tha againn gus an an t-subhailc àluinn so chosnadh. A’ chiad mhiadhoin ’se gu ’n iarr sinn i le mòran umhlachd. An ath mhiadhoin, ’se gu smaoinich sinn gn tric air mòr chumhachd agus mòr ghliocas na Tì a ’s àirde, ga bheil mathas gun aireamh, is gaol do ’n fheadhainn a ni sheirbheis, gu fhreasdal orra anns gach àm, is anns gach ni a tha feumail dhaibh gu leas an anma, is gu làn bhuaidh a thoirt orra fhein. An rud a tha e sireadh orra, ’se ruith ga ionnsuidh le dòchas làidir. Agus ciod is iomchuidh na sin? An urruinn am buachaille caomh sin, a thug corr is tri bliadhn’ eug thar fhichead [TD 11] as dèigh na caora sheachranaich feadh raithde doirbhe driseach, gun lasachadh, is le saothair a chosg dha am boinne mu dheireadh dheth fhuil? Am b’ urruinn, tha mi ag radh, am buachaille math so, ’se faicinn na caorrach so a chailleadh, a’ tilleadh a rithist ga ionnsuidh, ann am beachd a bhith fo iùl gu bràch tuille, agus a’ cur roimpe le aigne dìreach, ge lag, a leantail, gun sealltuinn oirre le bàigh, èisdeachd ri guth, ’sa giùlan gu threud air a ghuaillibh. Gu cinnteach is mòr an toileachadh leis gu ’m biodh i rithist an cunntas a chaorach, is gairmidh e na h-aingle mar-ris gu èibhneas airson sin. Ma dh’ iarr e cho dichiallach am bonn airgid a chaidh a chall (mar shàmhla air a’ pheacach, air rèir an t-soisgeil) ma thionndaidh e gach ni gu fhaotuinn, ann urruinn e iadsa dhiùlt a tha ruith a dh’ ionnsuidh am buachaille, agus a’ tilleadh gus an treud. Am faod leannan ar n-anma, a tha geall air seilbh a gabhail ’nar chride, is fada an geall air e fhein a thoirt duinn, agus a mhathas a bhuileachadh oirnn; am faod, tha mi radh, ’se faighinn an doruis fosgailte, ’sa cluinntinn ar glaodh a’ sireadh sòlas a chuideachda, gun chluais a thoirt gar n-achanaich. An treas miadhoin gu ruighinn air an dòchas fhallain so, ’se smaoineachadh gu tric air an sgriobhtur n aomh; tha briathran na fìrine so gar dianamh cinnteach ann am mìl’ àite, nach d’ thèid neach air bith a chuireas a dhòchas ann an Dia a nàrachadh. An ceathramh miadhoin gu ruighinn air neo-earbsa as sinn fhein is earbsa a Dia ’se so, nuair a bhios gnothach math ’sa bith againn ri dhianamh, no leannan peacaidh ri smachdachadh, gu ’n gabh sinn beachd, mu teann sinn ri gniomh, air ar laigse fhein air an dàrna taobh, agus air an [TD 12] taobh eile, gu ’n seall sinn air cumhachd gliocas agus mathas mòr Dè, is mar sin eadar eagal as sinn fhein agus dòchas a Dia stiùramaid ar cùrsa ro na càsan a’s teinne agus is cruadalaiche. Leis na h-airm sin mar-ri h-urnaigh, mar thèid innse an dèigh so, neartaichear sinn gus na gnothaichean a’s mua a chur an gniomh, agus na buadhan a ’s ainmeile chosnadh. Ach mur lean sinn an dòigh so, air a threasad ge saoil sinn ar n-earbsa a Dia, bios sinn mar is trice air ar mealladh, a thaobh is gu bheil mac-an-duine cho ladarna dhe fhein, is gu’n goid gun fhios da roinn dhe dhànadas as fhein am miasg an dòchais a tha e saoilsinn a bhith aig’ a Dia, is na neo-earbsa a tha e sàmhlachadh a bhith aig’ as fhein. Leis a sin gus gach dànadas a dhruideadh a mach gu h-iomlan, is gus a h-uile gnothach a naomhachadh leis an dà shubhailc so, a tha an aghaidh a ghiomhsa, feumar an toiseach sealltuinn air ar laigse fhein, agus an sin, air cumhachd Dè, is mar sin tha an dà smaoineachadh so ri dol ro ’r n-uile dhianadas. IV. CAIB. Mar a gheobh sinn a mach co dhiu tha, no nach ’eil ar neo-earbsa as sinn fein is ar n-earbsa a Dia fìrinneach. SAOILIDH an duine dàna gu bheil e neo-earbsach as fhein is arbsach a Dia, ach cha ’n ’eil ni a’s fhearr a dh’ fhiachas a mearachd, na nuair a dh’ èireas dha tuiteam ann an coire air bith; oir ma thèid e gu mighean no antlachd, ma bheir e cèill subhailcean a chosnadh, is comharradh soilleir sin gur ann as fhein a bha earbsa, is nach ann a Dia, is mar a’s mua tha antlachd ’sa mhi-earbsa, ’s ann is mua tha an comhdach air a chionta. [TD 13] Nuair a thuiteas esan a tha tur neo-earbsach as fein is earbsach a Dia ann an coire, cha ’n ’eil ioghnadh ’sa bith air arson sud a thachairt dha, is cha mhua thèid e gu mulad is bruaillean air a shon: mar is còir dha tha e a’ cur na coire air a laigse fhein, is air laghad a dhòchais ann Dia. Mar sin tha e ’g ionnsachadh nas lagha dh’ earbsa a chur as fhein, agus a dhòchas uile a leigeil air comhnadh na Tì a’s àirde. Tha gràin aige fos cionn gach ni air a’ pheacadh anns na thuit e; tha an giomh no leannan peacaidh a thug as an rathad e a’ cur oillt air; tha fior aithreachas air airson a mhaslaidh a fhuair Dia: ach tha ’m bròn so daonnan sìtheil, ann ’a rathad is nach tilg e as iùl e, is nach bac e dha a naimhdean a leanail gu lèirsgrios. Tha mi fada an geall gu ’n rachadh na comhairlean so a leanail le ioma h-aon, a tha gabhail orra fhein a bhith sàr-dhiadhaidh, ach a dh’ aindoin sin nach luaithe thuiteas ann an coire air bith, na dh’ èireas iad ann am buaireadh cho mòr, is is gu ’n ruith iad gun dàil gu ’n athair iuil, gun gnothach ’sa bith eile, ach gu teas an àrdain a mhùchadh: ge do ’se am beachd a thigeadh dhaibh a bhith aca anns chùis so, an anam a ghlanadh o smal a’ pheacaidh le sàcramaid an aithreachais, agus iad fhein a neartachadh le corp an Tigheana mu’n tuit iad tuilleadh. V. CAIB. Cha ’n ’eil laigse inntinn, mar tha mòran an dùil, na subhailc. Is tric a tha am mearachd so cuideachd an cois cràbhaidh, ’se sin a bith toirt ainm subhailce do ’n eagal is do ’n imcheist sin a tha lòrg a’ pheacaidh. Oir ged tha rud-eiginn do dh’ aithreachas an cois [TD 14] a champair so, ’sann o phròis is o dhànadas dall as ar neart fhein a tha e tighinn. ’Sa tighinn mar so, ma dh’ èireas do’n fhear a bha sealltuinn air fhein fada air adhart ann a’ subhailcean, is a tha dianamh tuille ’sa chòir do neopris do bhuaireadh, gu ’n tuig e air a chosg, gu bheil e lag mar fheadhainn eile, cuiridh e mòran ioghnaidh air gu na thuit e, agus a’ faicinn gu na mheall a bharail e, tuitidh a chride gu mulad is gu eu-dòchas. Cha tachair so gu bràch do ’n anam iriosal, nach ’eil ag earbsa ’as fhein, ach a’ cur uile dhòchas a Dia na aonar. Ma thuiteas e an cionta, cha ’n aobhar iongatais sin dha no dorrain, a thaobh is gu beil e faicinn o sholus na fìrinn a tha dianamh iuil dha, gur e an neo-chunbhalachd fhein, agus laigse a nàdair a thug as an rathad e. VI. CAIB. Tuille chomhairlean ro-fheumail gu ruighinn air neo-earbsa as sinn fhein is earbsa a Dia. O ’N is ann o neo-earbsa as sinn fhein is earbsa a Dia a tha ar n-uile neart a’ tighinn gu buaidh a thoirt air an namhaid, tha mi faicinn mar fhiachaibh orm tuille seòlaidh a thoirt seachad, mar rud a tha ro-riatanach gus na subhailcean sin a chosnadh. ’Sa chiad dol-amach, biodh gach duine làn fhiosrach, nach urruinn e, leis a h-uile buaidh mhath a fhaodadh a bhith aig’ o nàdar, no o ionnsachadh, no o ghràsan, no o làn eòlas air an sgriobhtur, no o bhith fad linntean do dh’ùine ri seirbheis Dè, toil Dè dhianamh, agus a dhleasnas a choimhlionadh, gun chomhnadh na Tì a’s àirde, gach uair a bhios gniomh math aige ri chur an cèill, no buaireadh ri cheannsachadh, no cunnart [TD 15] ri sheachnadh, no crois ri ghiùlan a leigeas am feasdal nar rathad. Air an aobhar sin biodh an fhìrinn so mu choinneamh a shùl a h-uile latha uair agus mionaid, air chor is gu’m bi cuimhn’ aig’ oirre, gus nach bi dhànadas aig’ a so suas earbsa chur as fhein. Ach gu ruighinn air làn earbsa a Dia, cha ’n fhuilear dhuinn creidsinn gu daingean, gu bheil esan comasach air ar naimhdean a cheannsachadh a dh’aon alt air am bi iad; biodh iad lionar, no tearc, làidir, no lag, eòlach no aineolach air cogadh. Leis a sin, ged bhiodh anam bàite ann am peacannan, ged bhitheadh e buailte do ’n h-uile giomh air a smaoinich thu, ged bhiodh a shaothair gun fheum a seachnadh an uilc ’sa dianamh a’ mhath, ged fhairgheadh e a mhiann air an olc a’ fàs nas treasa a h-uile là, an àite dol air adhart ann a’ suibhailcean; dèigh sin uile cha bu chòir dha fàillinneacha’ na dhòchas ann an Dia, no dol gu droch mhisnich, no a gnothaiche spioradail a leigeil dheth; an àite sin, ’sann bu chòir dha togail air as ùr, agus fàs nas cruadalaiche na bha e riamh an aghaidh an namhud. Oir anns an nàdar gleachd so, tha esan an comhnuidh buadhach a leanas gu misneachail ri airm, is nach càill a dhòchas ann an Dia, an Tì nach diùlt gu bràch a chobhair do’n fheadhainn a ghleachdas air a thaobh, ged do leigeadh e an lot air uairibh. Lean mata daonnan do bhuille, is gur e sin a choisneas dhut buaidh. Rud eile, am fear a thèid gu dhubhlan ann an cogadh Dè, agus a chuireas a bhun as, tha leigheas deas agus cinnteach aige gu chreuchdan. [TD 16] VII. CAIB. Gu bheil ar buadhan ri’n rian. Gu bheil an tuigse ri saoradh an toiseach o aineolas is o sheachran. MUR ’eil airm ’sa bith eile againn anns ’sa chath spioradail, ach neo-earbsa as sinn fhein, agus earbsa a Dia, thèid ar mealladh; an àite buaidh a chosnadh air ar n-ana-miannan, ’s ann a thuiteas sinn gu tric ann a’ sgiorraichaibh gàbhaidh gun fhios duinn. Ime sin, cha ’n fhuilear dhuinn dea-fheum a thoirt a buadhan ar n-anma agus ar colainne; an treas miadhoin a chaidh ainmeachadh gu coimhlionachd a chosnadh.—Teannamaid an toiseach ri rian a chuir air an tuigse is air an toil. Cha ’n fhuilear do ’n tuigse a bhith air a saoradh o dhà ghiomh mhòr a tha bichiontas a’ streapa’ rithe. A h-aon diu sin ’se aineolas, a tha dol eadar i agus an fhìrinn, rud bu chòr dhi a bhith sireadh. Le mòran saothair feumar ceo an aineolais so a sgapadh, a tha dùinte mu chuairt dì; los gu faic i gu soilleir mar is còir dhi h-ana-miannan a spionadh as am bun, agus na subhailcean a tha freagrach a shuidheachadh ’nan àite. Na miadhoinean gu sin a dhianamh ’siad so. A’ chiad mhiadhoin, agus a’ miadhoin a’s mua blagh, ’si an urnaigh, a dh’ iarras solus an Spioraid Naoimh, an Tì nach duilt gu bràch achanaich na feadhnach a tha ’g iarraidh Dè le dùrachd, is a tha an geall air a lagh a chumail, agus a sthriochdas iad fein daonnan do thoil na feadhnach sin a tha fos an cionn. An ath miadhoin, ’se bhith a’ rannsachadh daonnan gu tùrail agus gu beachdail a h-uile ni, gus am math a thearbadh o ’n olc, agus breth a thoirt, cha ’n ann o leth-amach, no o theisteanas ar ceudan corporra, no o bharail an t-saoghail [TD 17] mheallta, ach o bheachd an Spioraid Naiomh air a’ chùis. Mar sin chi sin gu soilleir, gur fìor fhaoineis is faileis na nichean a tha muintir an t-saoghail so a’ sireadh cho teth is cho dian: gur bruadair mòrchuis is toil-inntinn, nach luaithe a thèid seachad no thig briste-cridhe agus mi-ghean nan àite: gu bheil tàir na h-aobhar uaill agus fulangas na cùis aighir; nach ’eil ni ann as cliuitiche, no thig cho teann air nàdar Dè, na mathanas a thoirt do ’n fheadhainn a bheir tàir dhuinn, agus math a dhianamh an aghaidh an uilc: gur e sealltuinn sios air an t-saoghal is urramaiche na bhith na mhaighistir air; gur e striochdadh do ’n chreutair a’s suaraiche airson Dè a’s, uaisle na bhith fos cionn righrean is phrionnsachan: gur fhearr eòlas iriosal oirnn fhein, na faghlum a’s àirde: an aon fhacal, gur e am fear a chuireas casg air ana-miannan anns na gluasadan a’s lagha is toillteannaiche air cliù, na esan a bheir a mach na bailtean a’s treasa, a cheannsaicheas armailtean, no ni miarailtean, ’sa thogas na mairbh gu beatha, CAIB. VIII. Na nichean tha dol eadaruinn is breth cheart a thoirt. Miadhoinean gu sin a leigheas. NA nichean a tha dol eadaruinn is breth cheart a thoirt air na rudan a dh’ ainmich mi is cùisean eile, ’se leum neo-chunbhalach sin leis an tric leinn spèis no fuath a thoirt do rudan cho luath ’sa thig iad mu ’r coinneamh; agus nuair thèid reuson aon uair a dhalladh le ceò ar n-ana-miannan, chitear gach ni fo dhreach brèige nach buin dha. Air an aobhar sin neach ’sa bith a tha ’n geall gun dol air seachran ann an ceò cho gàbhaidh [TD 18] agus cho cunnartach, ’se chuid a chride chumail saor o gach seòrsa do dh’ ana-miannan. Nuair a thig ni air bith fo ’r sùilean, ’se gnothach na tuigse a rannsachadh gu socrach, mun leigear leis an toil a ghlacail no dhiùlt, biodh e taitneach, no mi-thaitneach. Oir fhad ’sa bhios an toil saor o bhruaillean nan ana-miannan, cha bhi e duilich dhi an fhìrinn a dhealachadh o ’n bhrèig, an tolc aithneacha’ fo chleòc a’ mhath, sa math fo sgèimh an uilc. Air an laimh ’eile, cha luaithe a bheir an toil spèis no fuath do rud, na chailleas an tuigse a lèirsinn gu breth cheart a thoirt: a thaobh is gu bheil na faileis bhrèige a tha ’g èiridh o ’n toil gam mealladh, sa toirt orra aontachadh do dh’ iomhaighean meallta; is tha an aonta so a sparradh na toil gus am barrachd aimhleis, a toirt gaol na gràin seachad gun chuibheas, is gun sealtuinn air reuson. Anns a’ bhoile fhuathasach so tha an tuigse a sior dhol air seachran nas fhaide is na fhaide, agus a sior-mhiadachadh do ’n toil coltasan matha no olca. Is mar so cho tric ’sa dh’ èireas dhuinn bristeadh air an riaghailt a thugadh seachad, ’sa tha buileach feumail anns a’ chùis so, caillear an dà bhuaidh a ’s àillidh tha san anam an ceò seachrain doille agus dorchadais. Is buidh dhaibhsan a bheir ionnsuidh, gun eisiomail ri creutair, air fior nàdar gnothaichean a thuigsinn, mun leig iad leo drùghadh air an cridheachan, ’sa bheir breth orra o sholus reusoin, agus gu h-àraid o ’n t-solus a tha Spiorad Naomh a toirt dhuinn, uaithe fhein, no o ’n fheadhainn sin a thug e dhuinn mar chinn-iuill. Ach thoir an aire gu bheil a’ chomhairle so am bichiontas ri leanail le tuille cùraim anns na gnothaichean sin a tha ceart na nàdar fhein, na [TD 19] unnta sin nach ’eil air an doigh sin; a thaobh a’ chunnairt mhòir gu ’m bi sinn air ar mealladh, agus a thaobh an teas agus an tuilg leis an d’ thèid an dianamh. Ime sin na rachadh ni air bith a dhianamh le leum no braise; a chionn is gu ’n dian aon fhàillinn a thaobh tìme no àit’ an gnothach a milleadh air fad; agus gu ’m faod cuideachd giomhan mòra a bhith anns an dòigh agus anns an rian a gabhair gu rud a dhianamh. Agus is lionor iad a chàìll iad fhein, a ’ cur air adhart na ghnothaichean bu naomha. IX. CAIB. Miadhoinean eil’ a chumas an tuigse o iomrall na breth. GIOMH eil’ o feumar an tuigse a shaoradh, ’se taobhastal inntinn. Oir ma leigeas sinn ar n-inntinn air faondra, an ruith as dèigh rudan faoine gòrach peacach, cha ’n ’eil e na comas na miadhoinean sin a mheadhrachadh a tha riatanach gu h-ana-miannan a chlaoidh agus subhailcean stèidheil a chosnadh. Air an aobhar sin bithemid marbh do gnothaichean saoghalta, is gun toirt dhiu, mur bi iad tur riatanach; seadh, ge neo-lochdach unnta fhein: cuiremid strian ri ’r inntinn, is na leigmid leatha ruith air faondra a h-uile rathad: bithemid gun mhùthachadh do smaointean saoghalta: na tugamaid cluas do naidheachdan; seachnamaid cuideachda na feadhach sin a tha daonnan an geall air sgialachdan; seallamaid air caochlaichean lionor an t-saoghail thruaigh so le neor-thoirt is mar bruadair.—Seadh, ann an gnothaichean spioradail fein dianadh reuson iùl dhuinn: na h-iarramaid mua ’s àrd, leagamaid ar beachad a mhàin air Chriost’ a chaidh a cheusadh, siremid eòlas air a beatha [TD 20] is air a bhàs, agus air an dleasnas a tha e a’ cur mu ’r coinneamh. Fos cionn so na siremid ni, agus toilichidh sinn an t-àrd maighistir sin, dha fior dheiscibil iadsan nach iarr dad air, ach an ni a chuidicheas iad gu thoil naomh a chur an gniomh. Gach iarraidh is togra’ a thèid fos cionn so is miar do ’n uabhar is do ’n phròis e, is ribe shàtain e. An fheadhainn a rianas am beatha air an dòigh so bheir iad buaidh air ionnsuidhean na seann narach, a dh’ fhiachas, nuair a chi i toil stèidheil dhian anns na daoine cràbhach, ri ’m mealladh le pratan air an tuigse, an geall air bristeadh a stigh air an toil ro ’n dorus so, agus mar sin an dà chumhachd so chur fo smàig. Gus an gnothach a dhol leis, tha namhaid so a’ sèideadh suas an inntinn an àm an urnaigh le pròis, a togail smaointean uaibhreach na ’n cridheachan, gu h-àraid ma ’s daoin’ iad a tha na nàdar neònach, giar, pròiseil, is fada nam beachd fhein. ’Se am beachd a th’ aig’ am briagadh le smaointean faoine, is leis an toileachadh a tha na luib, is le thoirt orra chreidsinn gu bheil iad an sòlas Dè; gu leig iad diochuimhn’ air an cridhe fein a chumail glan, sa nàdar fhein a thuigsinn, agus breitheanas-aithrich a chleachdadh; mar sin le miad an àrdain tha iad a’ dianamh seòrsa do dhia brèige dhe ’m beachd fhein; a saoilsinn (leis nach abhaist daibh an coimhairle a chur ri duine sa bith ach riu fhein) nach ’eil feum aca tuill’ air comhnadh no seòladh o fheadhnach eile. Is olc millteach so, agus is gann a tha dòigh air a leigheas; a thaobh is gu bheil uabhar na h-inntinn mòran nas dorra leigheas na àrdan a’ chride; oir cha luaithe gheobh an inntinn a mach pròis a’ chridhe, na tha rathad air a thoirt air folbh, le [TD 21] lùbadh sios do dh’ uachdrain dhleasnach. Ach air an laimh eile, ma gabhas duine na cheann, is ma chumas e mach gu diorrasach, gur e fhein is glice na na daoine a tha fos a chionn, ciamar a bheirear as a’ bheachd sin e? de rathad a th’ aig’ air a mhearachd fhaicinn? Co am britheamh ga ’n gèill e, fhad ’sa bhios e am barail gur e fhein duine a’s glice air an t-saoghal? Ma bhios an tuigse, an aon t-sùil th’ aig’ an anam gu àrdan a chridhe fhaicinn agus a leigheas, dall, agus làn uabhair, co an leigh a dh’ iochdas a creuchdan? Ma thionndas an solus fein gu dorchadas, ma thèid a chairt-iuil air aimhreit, ciod a dh’ èireas do ’n chuid eile. Air an aobhar sin bithemid air ar faicill o olc cho millteach, agus na leigemid leis uair air bith griam a dhianamh air ar n-inntinn, striochdamaid sinn fhein do bheachd an atharraich, gun a bhith ro-fhada nar beachd fhein ann an gnothaichean spioradail. Thugamaid gaol do ’n bhaoghaltachd is do ’n treidhdhireas sin a bha cho miaghail aig an ostal (I. Cor. iii. 13.) is bheir sinn barrachd air Rìgh Sola fhein ann an gliocas. X. CAIB. Gniomh na toil, agus am beachd bu chòir a bhith againn o leth-amach is o leth-astigh nar dianadas. O ’N na chuir sinn fo rian giomhan na tuigse, bu chòir dhuinn a nis teannadh ris an toil a chur air dea-riaghailt, gus a fàgail tur leagte ri toil Dè, agus saor o h-ana-mhiannan. Thoir an aire mata, nach fhoghainn duinn an rud a tha taitneach do Dia a shireadh no dianamh, ach cha’n fhuilear dhuinn iarraidh agus a dhianamh, le gluasad nan gràs, agus ann am [TD 22] beachd a thoileachadh. So far a’ bheil an gleachd cruaidh againn an aghaidh ar nàdair, a tha an comhnuidh an geall air e fhein a riarachadh, agus a thoileachhadh; gu h-àraidh ann an gnothaichean spioradail fos cionn gach ni eile gabhaidh e tlac’ a chionn nach ’eil olc ri lèirsinn. Mar sin cha ’n e beachd Dia thoileachadh a tha gar prosnachadh gu beirtean spioradail, ach an toileachadh a bheir a leithid sin do gnothaichean dhuinn fhein Agus mar is coltaiche an gnothach ri bhith ceart, ’s ann a ’s mua an cunnart dol iomrall.—Co shaoileadh gu ’n stuigeadh fhein-spèis sinn, ge h-olc i, gus sinn fhein a shnaim ri Dia agus a shealbhachadh, cha ’n ann mar leasachadh air a ghlòir ’sa thoil a dhianamh, ach gu buannachd dhuinn fhein? ged is ’si a thoil a chur an gniomh bu chòir a bhith am beachd na feadhnach sin a tha toirt gaoil dha, ag iarraidh ga ionnsuidh, sa gabhail orra a lagh a chumail. Gu sgeir cho baoghlach a sheachnadh, is gus nach iarr is nach dian sinn a bheag ach le gluasad a’ Spioraid Naoimh, agus le fior bheachd cliù thoirt dhasan, dha buin e, ’sa thigeadh a bhith na chiad tùs sna chrìch dheireannaich gar gniomhan gu lèir, cha ’n fhuilear dhuinn an rian so leanail. Nuair a’ bhios gnothach math ’sa bith ri dhianamh, thugamaid an aire nach leag sinn ar chride air, gus an tog sinn ar n-inntinn suas ri Dia, a dh’ fhaicinn am beil e taitneach na shùilean, ’sa bheil sinn a’ sireadh ga ionnsuidh ann a’ fior bheachd a shoileachadh. Nuair a bhios ar toil air an dòigh so fo rian is fo sheòladh toil Dè, cha ’n iarr i gu ni ach a thoileachadh, agus a ghlòir a chur air adhart. Tha an dòigh chiadna ri leanail ann an cur cùl ris an rud a tha an aghaidh toil Dè. Anns a chiad dol-amach tha [TD 23] ar n-inntinn againn ri togail suas ri Dia, a dh’ fhiaicinn a’ bheil an gnothach mi-thaìtneach leis, agus a’ bheil sinn deònach a leigeil dhinn ann am beachd a ghlòir a chur air adhart. Ach is còir dhuinn brath a bith againn nach ann gun mhòran saothair a’ geobh sinn a mach ceilg ar nàdar choirbte, a thairngeas gu seòlta a h-uile ni ga ionnsuidh fhein, an trà a bheir e a chreidsinn oirnn gur e Dia thoileachadh an aon ni a tha na ’r beachd anns gach cùis. Agus air an dòigh sin, nuair a tha sinn a riarchadh ar cridhe fein anns gach ni tha sin a dianamh, no seachnadh, tha sinn a’ smaoineachadh gu faoin gur e toil agus eagal an Tighearna an t-aon rud a tha gar gluasad. An leigheas a’s fhearr air a’ ghiomh so, ’se cridhe glan, ni a dh’ fheumas gach aon a tha dol an seilbh a’ chath spioradail, cur mu dhèidhinn fhaotainn, le cur dheth an t-seann duine ’sa cur ime an duin’ ùir. An dòigh air cleachdadh an leigheis dhiadhaidh so, ’se gach beachd talmhaidh fhuadach uainn anns a h-uile tùrn a gabhas sinn fos laimh; agus gun ni dianamh no dhiùlt ach air rèir toil Dè. Anns a h-uile rud a ni sinn, gu h-àraid ann an gluasadan diomhair ar chride, agus ann an gnothaichean na leth-amach a thèid seachad gu h-ealamh, theagamh nach ’eil am beachd so tur na dhùsgadh, is na fhaireachadh unnainn: ach an car a ’s lagha iarramaid an grunnd ar chride is o neart cleachdaidh Dia thoileachadh na aonar. Ach ann an obair a bhaireas grathunn ùine, cha dian a leithid so do bheachd marbh an gnothach, feumaidh beachd beo riochdail a bhith againn, is gu tric tha e ri ùrachadh is ri chumail laisgte na chiad theas: gun sin tha sinn an cunnart mòr a bhith air ar mealladh le ’r toil fhein, a tha daonnan a’ toirt a’ chreutair a raghainn air a’ [TD 24] Chruthadair, ann a’ seòl cho meallta is gu ’m briagar gu luath sinn, is gun fhaireachduinn o ’n inntinn bh’ againn an toiseach. Is tric le daoine gun fhoill, is nach ’eil cho math is bu chòir dhaibh air am faicill, gu ’n tòisch iad gun bheachd ’sa bhith eil’ a bhith aca ach Dia thoileachadh, ach uidh air n-uidh leigidh iad le glòir dhiomhain goid a stigh orra gun fhios daibh, air chor is gu ’n diochuimhnich iad toil Dè, a phrosnaich an toiseach iad, is gu ’n gabh iad tlac mòr as an obair ris a bheil iad, is as a’ mhias a choisneas i dhaibh. Agus ma thuiteas e mach, nuair a tha iad a’ saoilsinn a bhith ri gnothaicean mòra, gu ’n d’ thèid casg a chur orra le òrdugh an fhreasdail, a leigeil tinneas no grabadh eile na ’n caramh, èiridh iad gu antlac gun dàil a’ gearain air gach aon mu chuairt daibh, is air Dia fhein air uairibh: rud a tha comhdach gu soilleir nach robh an aigne ceart dìreach nan gniomh. Oire duine ’sa bith a tha fo ghluasad naomh nan gràs, agus an geall air Dia thoileachadh, tha e coimhis ciod a bhios e dianamh. Agus ma tha e ’a cur roimhe tùrn àraidh ’sa bith a cur an gniomh; fàgaidh e an t-àm san dòigh aig òrdugh an fhreasdail, làn thoilichte ann fhein a dh’ aon dòigh air an tìonndaidh an gnothach a mach, a thaobh is gur e Dia thoileachadh an t-aon rud a tha na bheachd. Ime sin biodh gach duine air fhaicill, agus stiùradh e a gnothaichean air fad gu crìch cho uasal agus cho urramach. Is ma tha mhiann air òbair naomh air bith a chur air adhart, gu seachnadh pèine no cosnadh duais anns an t-saoghail eile, dianadh e toil Dè na h-aobhar glusaìd agus prosnaidh gu gniomh, sealladh e air toil Dè a tha ’g iarraidh oirnn iutharn’ a sheachnadh agus flathanas a chosnadh. Cha ’n fhaodar innse a [TD 25] mhiad ’sa tha brìgh aig a’ bheachd so, oir an gniomh a’s lagha agus a suaraiche a nitear airson Dè, tha blagh aige mòran nas mua na ioma tùrn a’s uaisle a thèid a dhianamh le chaochla’ inntinn. Air a’ bhonn so is mua tha thlac aig Dia mìl’ uair do dheirce bhig a thèid a thoirt seachad gu onair, na ge do dh’ fhàgte oighreachdan mòra le inntinn eile, seadh, gu fhlathanas a chosnadh.—Cha ’n e nach biodh a leithid sin do dh’ aigne toillteanach air moladh agus air cliù mòr. Cha ’n ’eil mi radh nach bi an cleachdadh naomh so, a h-uile ni a dhianamh ann am beachd Dia thoileachadh rud-eiginn duilich an toiseach, ach fàgaidh tìm e nas fhasa, agus nas taitniche cuideachd; ma chleachdas sinn a shireadh le inntinn gun cheilg, ’sa bhith air a lòrg an comhnuidh le cridhe brònach, mar ar culaidh mhathais a ’s mua na aonar, is toillteanach fos cionn gach ni air miann, mias, agus gradh gach creutair. Mar is mua ghabhas sinn beachd air mòralachd is mathas Dè, ’s ann is trice agus is deinne a leumas ar chride dh’ ionusuidh a chuspàir naomh ud; agus mar sin thig sinn gu ro luath is gun èislean gu cleachdadh gach ni dhianamh gu glòir Dè. Mar cheann sguir, na miadhoinean a dh’ òrduichinn gu ruighinn air crìch cho prìseil, is cho urramach, se gn ’n iarramaid na gràsan so air an Tighearna gu dùrrachdach, agus gu smaoinichemid gu tric air na tiodhlaicean gun àireamh a bhuilich e oirnn a cheana, agus a tha e toirt dhuinn a h-uile mionaid le fialachd nach b’ fhiach sinn. [TD 26] XI. CAIB. Smaointean àraidh gus a thoirt air an toil nach iarr i ni ach air rèir toil Dè. GUS an toil a tharruing gu làn aontachadh do thoil Dè, agus a ghlòir a chur air adhart, thugamaid fonear gur e esan a thòisich an toiseach air mias agus onair a thoirt duinn air mìle dòigh. Thug e a neoni sinn, chuir e iomhaigh fhein oirnn, is gach ni eile chruthaich e gus ar feum: agus nuair a bha e an geall air ar ceannach, cha bu rud leis an t-aingeal a b’ àirde glòir a chur gar saoradh, ach aon Mhac fhein, a phàidh fiachan an t-saoghail, cha ’n ann le airgeod no le òr, rudan a thèid gu neoni, ach le fhuil phrìseil fein, agus le bàs, a bha cho maslach, ’sa bha e dòruinneach: tha e an comhnuidh a frithealadh oirnn gus ar dion o mhìrun ar naimhdean, ’sa gleachd air ar taobh le feartan a ghràs, agus gus ar n-àrach ’s ar neartachadh, tha e an comhnuidh gar beathachadh le chorp prìseil fhein ann a’ sàcramaid na h-altarach. Nach comhdach soilleir so air a mhiad ’sa thug e ghràdh dhuinn? Co is urruinn teas a charrannachd a mhias do chreutairean cho truagh’? No de an tàing a thigeadh dhuinn a thoirt do charaid cho bàigheil? Agus ma shaoileas urracha mòra an t-saoghail so, gu bheil e mar fhiachaibh orra an onair a bheirear dhaibh a phàidheadh, agus sin cuideachd do ’n fheadhainn a tha fada fodha fhein an uaisle ’sa ’n cuid: de am pàidheadh a bheir sinn, cneimheagan bochd’ an talmhuinn, do dh’ àrd uachdran an domhain uile, airson a’ mhias agus a’ spèis a fhiach e dhuinn? Ach gu h-àraid na dianamaid diochuimhn’ gu bheil mòralacdh Dè toillteannach air seirbheis a [TD 27] dh’ èireas o fhior gràdh, agus o rùn a thoil a dhianamh, sa riarachadh anns gach ni. XII. CAIB. Gu bheil dà thoil ann am mac-an-duine a tha an comhnuidh a’ cogadh an aghaidh a chèile. THA dà thoil ann am mac-an-duine, a h-aon na h-uachdaran, agus an aon eile na h-iochdaran. Ris an toil a tha na h-uachdaran theirear am bichiontas reuson; ach ris an toil a tha na h-iochdaran, an fheol, a’ cholunn, ana-miannan. Ach o ’n is ’se ’n duine reuson (mar a dh’ fhaodas mi radh) cha ’n fhaodar a channtuinn le fìrinn gu bheil toil aige do ni air bith airson a chiad ghluasad a dh’ fhairgheas e do thogradh na feòla, nas lagha na dh’ aontaicheas reuson do ’n ghluasad sin. Agus ’s ann o so a tha ar cogadh spioradail air fad a’ tighinn, gu bheil an toil reusonta anns a’ mhiadhoin, mar gu ’m b’ eadh, eadar toil Dè fos a cionn is toil na feòla foipe, ’sa fulang diachuinnan cruaidh’ air gach taobh: oir tha Dia le ghràsan gad tarruing suas uige fhein, is tha an fheoil ga tàladh sios uice fhein le h-ana-miannan, agus gach aon dhiu a’ strì mu ’n bhuaidh. Mar sin, is diachuinneach cath na’ feadhnach sin, aig an robh droch cleachdanan nan òige, agus a tha cur rompa an caithe-beatha atharrachadh, an ana-miannan a chlaoidh, agus cùl a chur ris an t-saoghal, gus iad fhein a thoirt seachad do sheirbheis Dè; a thaobh is gu bheil ionnsuidhean cruaidhe gan toirt air an toil, o thoil Dè air an darna laimh, is o ana-miannan na feòla air an laimh eile; agus a dh’ aon taobh gus an tionndaidh i, gheobh i gu leòr ri dhianamh seasamh an aghaidh diachuinnean cho làidir. [TD 28] A’ leithid so do dh’ fhiachuinn cha ’n fhairich iadsan a lean caithe-beatha diadhaidh no mi-dhiadhaidh fad mòran ùine, agus a tha suidhichte nan dòigh; oir tha na daoine matha a’ gèilleadh do thoil Dè, agus na droch dhaoine a’ leanail an ana-miannan. Ach na saoileadh neach air bith gur urruinn dha subhailcean a’ thoirt a mach, agus Dia sheirbheiseachadh mar is còir, mur ’eil e a’ cur roimhe e fhein èigneachadh, agus a’ h-uìl’ àilleas, biodh e beag no mòr, a dhiùlt dha ana-miannan. ’S ann airson so a tha cho ro bheag a’ ruighinn air ceum ro àrd do choimhlionachd chriostail. Oir an dèigh dhaibh buadhachadh air na leannan peacaidh bu treasa, agus cath mòr a chur seachad, tha iad a’ call am misnich, ’sa fàillinneacheadh ann a leanail am buadhan; ged nach ’eil ach diachuinnean beag’ a’ feitheamh orra, gu fuigheal neoneach dhe ’n toil fhein a chlaoidh, agus giomhan beaga lionor a cheannsachadh, a ghleidheas neart as ùr, gus a’ faigh iad mu dheire làn sheilbh na ’n cridhe. Tha mòran nach ’eil a’ toirt air folbh cuid an atharraich, mar gu ’m b’ eadh, ach tha iad mua’s dèidheil air an cuid fhein. Dòighean mi-dhleasnach cha chleachd iad gu dianamh suas beirtis ach a dhaindeoin sin, tha iad cho fad o shealltuinn sios air àrdachadh saoghalta, is gur h-ann o tha iad iad a’ dianamh àilleagan an cridhe dhe, agus iarraidh iad ga ionnsuidh air a h-uile rathad a shaoileas iad a bhith ceart. Cumaidh iad an traisg a tha air a’ comharrachadh a mach leis an eaglais, ach air laithean eile gabhaidh iad a h-uile biadh a’s miaghaile na chèile. Bheir iad an aire nach brist iad air lagh na carrannachd, ach cha ’n fhaodar am bacail o chridhealas àraid a’s toil leo: ge do tha sin a’ cur mòran èis air caithe-beatha diadhaidh, agus air an dlù-cheangal ri Dia. [TD 29] Nis o ’n tha na rudan so uile cunnartach, gu h-àraid do ’n fheadhainn nach ’eil a’ faicinn an dolaidh, ’se cuid gach duine gu seachnadh e iad gu ro chùramach. Gun so faodaidh sinn a bhith cinnteach, gu ’m bi leisg, ar toil fhein, eisiomail ri daoine, pròis, iarraidh air cliù is mias o fheadhainn eile, is giomhan falachaidh an lòrg a chuid is mua dhe ’r n-oibrichean matha. An fheadhainn a tha mobhsgaideach anns a’ gnothach so, an àite dol air adhart ann an caithe-beathe diadhaidh, ’s ann a tha iad a’ sleamhnachadh air ais, agus ann an cunnart mòr tuiteam a rìs anns na sheànna chleachdanan a bh’ aca roimhe: a chionn ’s nach ’eil iad a’ sireadh gu àrd choimhlionachd; a chionn ’s nach ’eil iad a’ tuigsinn an iochd mhòir a dh’ fhiach Dia dhaibh, le saoradh a sglamhachd an deomhain; a chionn ’s nach ’eil iad a’ faicinn nan cunnartan gàbhaidh a tha mu chuart daibh, agus a chionn ’sgu bheil iad air an dalladh le sìth bhrèige. Cha ’n fhaod sinn dearmad a’ dhianamh an so air mearachd eile, a tha na aobhar eagail nas mua, a chionn is gu bheil e duilich fhaighinn a mach. Is tric le mòran, a tha tòiseachadh air caithe-beatha diadhaidh (ach mua ’s gaolach orra fhein, ma fhaodar gaol a radh ris) a’ dianamh raghainn do ’n h-uile cràbhadh a’s taitniche leo fein, sa’ seachnadh a h-uile ni a thig an aghaidh an nàdair, agus a tha iomchuidh gu ’n ana-miannan a cheannsachadh, ris ’m bu chòir dhaibh gleachd anns a chath spioradail le ’n uile neart. Tuille ’sà chòir do shaothair cha ’n urruinnear a ghabhail ri leithid so do dh’ fheadhainn, fiach an gabh iad fos laimh gleachd gu deònach an aghaidh an ana-miannan; an aon ni anns a bheil brìgh na cùis air fad: oir mar is mua am misneach a’ bristeach ro ’n na ciad stairnichean a thig nan [TD 30] rathad, ’s ann is luaithe agus is urramiche a’ bhios am buaidh. Ime sin biodh iad cruadalach anns a’ chogadh so, gun dùil ri ni ach ànradh, a’ feitheamh gu faighidneach ris a’ bhuaidh, is ri tòradh; air an dòigh so bithidh iad cinnteach nach tèid am mealladh. XIII CAIB. Mar a chuirear casg air ar ana-miannan, agus na gniomhan a th’ aig an toil ri dhianamh gu dea-bheusan a chosnadh. AN uair a dh’ fhairgheas sinn ar Cruthadair air an darna laimh, agus an fheoil air an laimh eile a’ co-strì mu dhèidhinn ar eridhe, bithidh a’ bhuaidh air taobh fhlathanais, ma leanas sinn na comhairlean so. 1. Tha chiad ionnsuidh a bheir ar n-ana-miannian an aghaidh reusoin ri chasg gu ro chùramach, eagal gu’n aontaich an toil do ’n ghluasad. 2. Nuair a thèid so dhianmh, faodar leigeil leis a’ ghluasad chiadna dùsgadh as ùr, gus an ath bhuaidh a thoirt air leis a’ bharraehd fearalachd. 3. An treas uair cuideachd fhaodar leigeil leis na gluasadan sin èirigh, fiach an ionnsuich sinn an casg leis a’ bharrachd smearalachd. Ach tha e ri innse an so, nach fhaodar na h-ana-miannan a thogail air an dòigh so ann an cùisean a bhuineas do gheanmhnachd, mar thèid innse dèigh so. 4. An aon fhacal, rud eil’ a tha tur feumail, ’se na subhailcean sin a chur an gniomh a tha an aghaidh nan an-miannan sin ris a bheil sinn a’ strì. Cuiridh an sàmplair so sin fo’r sùilean. Theagamh gur duine thu a tha buailteach do mhi-fhaighidin. Ma seadh, gabh beachd ort fein, agus air gluasadan do chridhe; agus chi [TD 31] thu gu soilleir, gu bheil a’ chorruich a dh’èirich an toiseach san fheoil, a’ sireadh buaidh a thoirt air an toil, agus an geall air reuson a chur air a comhairle fhein. Anns a’ chàs so, thoir an an aire, mar a dh’ fhiach mi dhut anns a chiad comhairle, gu ’n caisg thu am buaireadh, is nach leig thu leis buaidh a thoirt ar an toil. Na sguireadh do sthrì gus an striochd an namhaid, agus gus an gèill e do reuson. Ach gabh beachd air ceilg an droch spioraid. Cha luaithe a chi e thu a’ gleachd gu cruadalach ri leannan peacaidh daobhaidh air bith, na sguireas e, cha ’n e mhàin ga dh’ fhadadh suas ann ad chridhe, ach bithidh a lamh leat gus a mhùchadh car tamuill. ’Se beachd a th’aige do chumail o thoirt a mach, le buan ionnsuidh, na subhailc sin a chlaoidheadh do leannan peacaidh, agus do shèideadh suas le àrdan, a toirt a chreidsinn ort gur gaisgeach foghainteach thu a cheannsaich do namhaid a chlisgeadh. Ime sin tha e riantanach an ath ionnsuidh a thoirt, agus a chiad rud a thog t’ fhearg agus do bhruaillean a chuimhneachadh, is nuair a dh’ fhairgheas tu a chiad bhuathadh do’n fheirg ag èirigh ann ad chridhe, smachdaich e le d’ uile neart. Ach a dh’ aon strì ge dian sinn an aghaidh an namhud, ge b’ann le beachd Dia fhein a thoileachadh, agus ar dleasnas a dhianamh, tha e tachairt gu tric nach ’eil sinn an dèigh sin uile gu h-iomlan a mach a cunnart gèilleaidh anns an treas ionnsuidh; agus leis a sin cha ’n fhuilear dhuinn aon uair eile comhrag a chumail ris an leannan pheacaidh sin ris a bheil ar strì, agus gràin is fuath o’r cridhe thoirt dha. An aon fhacal, ma ’s àill leat t’anam èideadh le subhailcean, agus thu fhein a thoirt gu cleachdanan diadhaidh, cha ’n fhuilear dhut na subh- [TD 32] ailcean a tha an aghaidh t’ ana-miannan a chur an gniomh gu tric. Ma tha mhiann ort, mar gu’m b’eadh, fàs anabarrach ciuin, na saoil agad fhein gu foghuinn na trì sèors’ arm a chaidh ainmeachadh a chleachdadh gus ceannsachadh a thoirt as do mhi-fhaighidin, feuma’ tu dol cho fad is gu’m bi gaol agad air tàir, gu ’n iarr thu i, agus o’n na ceart dhaoine a thug dhut raoimh masladh; ag cur romhad tàir nas mua fhulang fhathast le faighidin. An reuson a tha fiachuinn gu feum sinn, gu naomhachd a thoirt a mach, na subhailcean a tha calg-dìreach an aghaidh ar n-ana-miannan a chleachdadh, ’se so, nach eil’ gniomhan shubhailcean eile, air an treasad agus air an lionarachd, a bualadh aig friamh an uilc. Ge do chuma’ tu, mar gu ’m b’ eadh, t’ fhearg ort fhein, ge do mhùchadh tu t’ àrdan ad chridhe air an t-seòl a dh’ fhiach mi, dèigh sin, gus an ionnsuich thu fàilt is furan a chur air tàir, cha d’ thig an latha a spionas tu as do nàdar giomh na mi-fhaighidin, a tha cinneachadh o eagal a masladh saoghalta, agus a dèidh air moladh chlann-daoine. Oir fhad ’sa bhios bun na luibha so gun spionadh, cha sguir i dh’ fhàs, is do ghaiseadh do dhea-bheusan. Seadh, ri tìm caillidh tu do chleachdanan math’ air fad, agus a h-uile latha bios tu an cunnart sleamhnachadh air tais gu d’ shean abhuistean. Air an aobhar sin cha ruig thu leas smaoineachadh gu ’m bi thu stèidheil ad bheusan, gus an cuir thu as do na giomhan a tha streapa’ riut, le sior chleachdadh na subhailcean a tha nan aghaidh. Le sior chleachdadh, cha mi cantuinn, oir, mar thig sinn gu droch abhuist le tuiteam gu tric ’sa pheaccidh, ’s amhuil sin a ruigeas sinn ar dea-bheusan le ioma dea-ghniomh. Agus [TD 33] feumaidh na dea-ghniomhan sin cuideachd a bhith nas lionaire na na peacannan; a thaobh is gu bheil ar nàdar peacach a’ cur leinn anns an olc, agus a’ cur nar n-aghaidh ann ’sa mhath. Thoir an aire cuideachd, nach coisinn thu an t-subhailc sin air a bheil thu an geall, gun a gniomhan a chleachdadh air an taobh-mach cho math agus air an taobh-stigh. A thaobh na faighidin, mar gu ’m b’ eadh, cha ’n fhoghuinn dhut labhairt gu ro chaoineil tlà ris an fheadhainn sin a thug tàir dhut, air a mhiad is ge ’m bi i, ach a thuilleadh air sin, feuma’ tu freasdal dha gnothach cho math agus is urruinn thu; is ge do dh’ fhairgheadh tu an gniomh so o leth-astigh, is o leth-amach maraon air bheag brìgh, agus fada an aghaidh do nàdair, thoir an aire nach leig thu dhiot e airson sin; air a laigead ge saoil thu e, is cùl-taic mòr dhut e ’sa chath, agus comhnadh nach beag gu buaidh a chosnadh. Ime sin biodh dea-fhaicill agad air do chridhe, is na foghnadh leat casg a chur air t’ana-miannan ann am buairidhean mòra, smachdaich iad anns na glusadan a’s lagha: a chionn ’s gur tric leo sin ar tarruing gu peacannan a’s mua, agus gu droch cleachdanan a shuidheachadh nar cridhe. Nach ’eil sinn a’ faicinn le ’r sùilean iomadh h-aon, a bha neo-chùramach mu’n ana-miannan a chlaoidh ann an diachuinnean beaga, ged bha mhisneach aca ceann a thoirt do chàsan mòra, air am buaireadh gu h-ealamh, is air an cur uige gu goirt le naimhdean nach deach riamh a cheannsachadh ceart. Tha rud eil’ ann fhathast a tha ri earal ort gu teann, ’se sin casg a chur air miann do chridhe, nuair a bhios e ag iarraidh gu rud ceadaichte, ach neo-riatanach. ’S mòr a’ stà a ni so, is comhnadh làidir e gu buaidh a chosnadh ann an càsan [TD 34] eile; bheir e eòlas is neart dhut gu cur an aghaidh buairidh, agus ni e taitneach thu ann an sùilean do Shlànair. Tha mi ’g innse na fìrinn dhut o m’ chridhe: fiach an cuir thu an gniomh gu sgairteil na dleasnasan naomh’ a chomharraich mi mach dhut, agus a tha tur riatanach dhut gus do thaobh-stigh a chur air dea-rian. An ùine ghearr bheir thu buaidh àghor ort fhein, is siubhla’ tu gu luath air slighe nan dea-bheus, agus bithidh do chaithe-beatha cha’n ann an coltas ach gu riochdail diadhaidh. Ach ma leanas tu rian air bith eile, air fheobhas ge saoil thu e, ge do gheobhadh tu aoibhnas spioradail gu t’ àilleas, ge do shamhlaiche’ tu, gu bheil thu an dlu chomunn ri Dia; a dh’ aindeoin sin is cinnteach an gnothach, nach d’thig an latha a ruigeas tu air beusan bunailteach, no bhios èolas agad air fior bhrìgh na naomhachd; a tha air a togail, mar a dh’ fhiach mi ’sa chiad chaibideal, cha’n ann air gniomhan socrach agus àilleasach, ach air oibrichean a chlaoidheas an fheoil, agus a h-ana-miannan air fad. ’S ann mar so a ghleidheas duine buadan ùra, ’sa dhlùthas e teann air a Chruthadair, agus air a Shlànair a chaidh a cheussadh. Oir tha e soilleir gu’n gleidhear droch cleachdanan le gèilleadh gu tric do’n fheoil, agus mar an ciadna gu’n gleidhear coimhlionachd an t-soisgeil, le aontachadh tric do thoil Dè, a bhios an dràsd ’sa rìsd gar gluasad gus an t-subhailc so, ’san t-subhailc ud eil chleachdadh. Agus mar a tha an toil, a dh’ aon ainneart ge dian an fheoil gus a toirt as an rathad, saor o lochd, mur toir i fhein a h-aonta seachad; ’s amhuil sin nach ruig i, a dh’ aona ghràsan ge faigh i, air coimhlionachd is air comunn ri Dia, mur co-oibrich i fhein leis na [TD 35] gràsan a gheobh i ann an gniomhan o leth-astigh, is o leth-amach cuideachd, ma bhios e riatanach. XIV. CAIB. Ciod is còir dhuinn a dhianamh nuair a bhios an toil an coinneamh fàillinneachadh agus air bheag comais air cur an aghaidh na feòla. MA bhios eagal ort gu ’n gèill do thoil do ’n fheoil, na do naimhdean ’sa bith eile, a bhios ag iarraidh lamh-an-uachdar oirre; no ma dh’ fhairgheas tu do chàil is do mhisneach gad thrèigsinn, na gèill airson sin, is na teich o ’n àraich; oir is còir dhut smaoineachadh, gur leat fhein a’ bhuaidh, fhad ’sa sheasas tu gun ghèilleadh tur. Gn deimhinn, mar nach iarr an toil aonta na feòla gu sud na so a raghuinneachadh, ’s amhuil sin nach bristear air saorsuinn na toil a dh’ aona bhuaireadh ge an dian an caraid meallta so an fheoil; oir fhuair an toil feartan cho mòr o ’n Tì a ’s àirde, is nach ’eil e an comas uile bhuiridhean na feòla, no ’n droch spioraid, no ’n t-saoghail gu lèir, ged bhitheadh iad uil’ am bonnaibh a chèile, glideachadh air a saorsa, no bacail o sud no so a dhianamh, no fhàgail, mar a shanntaicheas i, agus anns an àm, is leis a’ bheachd a raghuinnicheas i. Ach uair air bith a thig am buaireadh ort na thuilbheum cho làidir, is gu ’m bi do thoil ionann agus air a smàladh fodha, gun chomas ach gann air tuille strì, na taisich airson sin is na dealaich ri d’ airm; tog do ghuth, abair ris a’ bhuaireadair; As m’ fhianuis, a spioraid an dorchadais, am bàs dh’ fhuilginn mìl’ uair, mu ’n gèillinn ghad a bhuaireadh. Bi coltach ri fear, a bhios a’ gleachd ri namhaid dhiorrasaich, is nuair nach urruinn e lot le ruinn a chlaidhimh, [TD 36] bheir e ionnsuidh air le bhun; Feuch mar tha e a’ strì gus e fhein a thiarnadh! Feuch mar tha e a’ leum air ais, gu tilleadh leis a’ bharrachd confhaidh, agus a namhaid a lannadh as le aona bheum gàbhaidh. Is leason dhut so gu smaoineachadh gu tric ort fhein, agus gu thuigsinn nach ’eil unnad ach neoni, is gun chomas dad a dhianamh. Agus air an aobhar sin cuir dòchas làidir a mòr chumhachdan Dè, gus gu faigh thu comhnadh a ghràsan naomh’, a bheir neart dhut gus an t-ana-miann sin a tha gad shàrachadh a cheannsachadh is cur as da gu h-iomlan. So far a’ feum thu do ghlaodh a thogail; a’ cantuìnn, dian mo chomhadh, O Thigearna! dian foir orm, o mo Dhia! O Ios’! O Mhoire na dìobraibh ur seirbheiseach! Na leigibh dhomh bàsachadh anns a’ bhuaireadh so! Cho tric ’sa bheir an namhaid urad do lasachadh dhut gairm air do thuigse gu comhnadh a dhianamh ri d’ thoil, agus leis a h-uile h-aobhar misnich a ’s urruinn thu smaoineachadh prosnaich as ùr i thun a’ chatha. Ma tha thu, mar gu ’m b’ eadh, fo gheurleanmhuinn nach do thoill thu, no fo thrioblaid ’sa bith eile, agus le miad do dhòruinn an coinneamh do shìth a chall agus t’ fhaighidin, thoir ionnsuidh air thu fhen, a thoirt gu siochaint, leis na smaointean so, no leithid eile thoirt fonear. 1. Seall nach do thoill thu an trioblaid a tha thu fulang, agus nach do tharruing thu ort fhein i; oir ma tha bheag air bith do ’n choire agad fhein, cha bhiodh ann ach rud iomchuidh gu ’n cuireadh tu suas gu faighidneach ri pèin nan lot sin o tharruing thu ort fhein. 2. Ach mar ’eil a bheag ’sa bith agad ri agairt ort fhein anns a’ chàs so, seall air na peacannan anns na thuit thu roimhe so, agus nach deach [TD 37] fhathast a dhioladh ort le ceartas Dè, agus nach mua nigh thu fhein uat le breitheanas-aithrich nas leòr. Agus o ’n is àill le Dia na thròcair, an àite do phianadh fada ann an purgadair, no gu siorruidh ann a’ lasraicheah iuthearna, pian aotrom a leigeil ort car beagan aimsir’ anns a’ bheatha so, giùlain i, cha ’n ann a mhàin gu ro dheònach, ach le aighir cuideachd is le tàingealachd. 3. Ach ma shaoileas tu, ged is ’s ann gun reuson, gur beag cùnntas do pheacannan, agus gur mòr a rinn thu a bhreitheanas-aithrich air a son; cuimhnich gur cumhang an rathad do rioghachd fhlathanais, agus gu bheil e làn do dh’ anshocair. 4. Thoir an aire, ged bhiodh rathad eil’ ann, bu chòir dhut o theas gràidh teicheadh uaithe, agus gun urad agus smaoineachadh air: a chionn is nach e ceum ’sa bith eile, ach rathad driseach na croise, a ghabh Mac Dè, is na naoimh uile na dhèigh, do fhlathanas. 5. Ach ann a so, is anns gach ni eile, ’si toil Dè bu chòir a bhith tighinn fonear dhut; an Tì aig a bheil spèis dhiot cho mòr, is gur ait leis a bhith gad fhaicinn a cur gach subhailc an gniomh gu cruadalach, ’sa pàidheadh le d’ treubhantas is led d’ mhisnich a ghaoil mhòir sinn a thug e dhut. Ach cuimhnich, gur ann mar is neo-thoillteannaiche t’ fhulangas, agus is truime do dhòruinn, is mua bhios do thuarasdal an làthair Dè; a thaobh is gu bheil thu am boillgean cruaidh na h-anshocrach a toirt aoradh dha bhreitheanas, ’sa gèilleadh o d chridhe dha fhreasdal, a thairngeas math as an olc a ’s mua, agus a thionndas gamhlas ar naimhdean fein, gu barrachd glòir dhuinn an rioghachd fhlathanais. [TD 38] XV. CAIB. Tuille comhairle gu cruaidh ghleachd. De na naimhdean dha ’n toir sinn ceann agus de a’ mhisneach tha riatanach gu lamh-an-uachdar fhaighinn orra. CHUNNA tu martha ciod a tha riatanach dhut gu buaidh a thoirt ort fhein, agus na subhailcean a tha feumail dhut a chosnadh; ach gu so dhianamh nas rèidhe is nas ealamh, na bithemid am barail gu’m fogainn e dhuinn ar cruadal fhiachuinn aon uair; cha’n fhoghuinn, feuma’ sinn tilleadh gu tric ris a chomhraig, gu h-àraid a’ cogadh an aghaidh fein-spèis; ann a’ rathad is gu’n seall sinn orrasan uile mar chàirdean, a bheir an tàir dhuinn a’s mua, agus a’s goirte. Ma sheachnar a leithid so do chath, mar thuirt mi cheana, tha e gu tric a’ tachairt, nach ’eil a’ bhuaidh ach èigneach, neo-dhiongmhail, ainneamh, agus furasda a call. Ime sin gleachd gu cruadalach; na biodh laigse bo nàdair na leithsgeul dhut. Ma dh’ fhàillinneas do neart thu, iarr tuille spionnaidh o Dhia: agus cha dhiùlt e t’ achanaich. Cuimhnich, ge bras confhadh do naimhdean ge lionor an àireamh, gur an neartaire na sin gu mòr an gaol a th’aig Dia ort, agus gur pailte mar chus armailtean nan aingeal, a tha gad dhion, agus slòigh nan naomh a tha ’g eadarghuidh air do shon Dhùisg a’ leithid so do smaointean, misneach nach robh beag anns na boirionnaich fhein, choisinn iad air gliocas an t-saoghail, shaltair iad air ana-miannan na feòla, agus thug iad buaidh air ionnsuidhean nan droch spiorad. Air an aobhar sin, na tige’ tais’ air do chridhe, ge do thigeadh e fodhad, gur càs cruaidh ort buaidh a [TD 39] thoirt air naimhde cho lionor, no gu bheil do chogadh ri mairsinn gu deireadh do laithean, no gur duilich dhut tiarnadh o gach gàbbadh a tha bagra’ cur as dut: oir biodh brath agad nach dian neart, no innleachd do naimhdean ort beud, gun chead na Tì sin, a tha dh’ onair agad a bhith gleachd air a thaobh; agus o ’n is mòr a thlac as a’ leithid so do chomhraig, agus gu bheil e prosnachad gu teann gach neach ga h-ionnsuidh, an àite leigeil le do luchd-millidh cur as dut ’s ann a gleachdas e air do thaobh agus luath no mall bheir e dhut buaidh làraich: ge do maireadh an cogadh gu crìch do laithean. An aon rud a tha e sireadh ort, ’se gu dionadh tu thu fhein gu misneachail, agus a dh’ aon lotan ge faigh thu, gu’n thu dhealachadh ri t’airm is gu’n teicheadh o’n bhlàr. Ann an aon fhacal, los nach bi fàillinn ann ad dhleasnas cuimhnich gur cogadh so nach gabh seachnadh, agus nach ’eil raghuinn ri thogail, ach gleachd, no bàsachadh: oir sìth no cordadh cha ghabh dianamh ri naimhde cho diorrasach is cho droch-mheinneach. XVI. CAIB. Cha ’n fhuilear do shaighdear Chriosta dianamh deas gu much airson a’ chatha. AN chiad rud is còir dhut a dhianamh an àm dùsgaidh dhut ’sa maduinn, ’se gu fosgladh tu sùilean t’ anma, agus gu sealladh tu ort fhein, mar gu’m biodh tu ann am blàr catha, ad sheasamh ri aodan do naimhdean, gun raghuinn ri thogail, ach gleachd no bàsachadh. Smaoinich agad fhein, gu bheil thu faicinn do namhud, ’se sin, an giomh no leannan-peacaidh sin a tha thu a’ cur romhad a cheannsachadh. Smaoinich, [TD 40] tha mi radh, gu bheil thu faicinn a’ bhòcain ghàbhaidh so a ruith ugad gu d’ mharbhadh. Ach san àm chiadna amharc air Iosa Criost’ air do laimh dheis, do cheannard nach gèill, agus Moire Mhàthar bheannaichte ri thaobh, naomh Iosabh, agus uile shlòigh nan aingeal, agus nan namh, gu h àraid naomh Mìcheil an t àrd aingeal glòrmhor. Ach air a’ laimh eile amhairc air lucifear agus air fheachd deas gus an giomh no ’n fhàillinn ris a bheil do chomhrag a dhion, ’sa thèid gu dubhlan gu cur as dut. Sàmhluich agad fhein, gu bheil thu a’ cluinntinn t’ tàingil choimhidich a toirt prosnachaidh catha dhut air an dòigh so: So an latha a dh’ fheumas tu dol gu d’ dhùbhlan, fiach an ceannsaich thu an namhaid so, is gach aon eile tha ’g iarraidh do dhiùbhail. Glac misneach; na drùigheadh fiamh no giorag fhaoin air do chridhe. Tha Criosta do cheannard am fagus, le neart fhlathanais uile mu chuart da, gu d’ dhion o d’ naimhdean los nach cuir iad le neart no innleachd gu bràch fo smachd thu. Seas gu smearail ad t’ àite cuir thu fhein uige, a dh’ aon rud ge an cosg e dhut. Eibh gu sgairteil air Ios’ ’s air Moire: iarr comhnadh nan naomh uile: dian so, is faoda’ tu a bhith cinnteach gu faigh thu buaidh. Ge lag thu, ge fuathasach do naimhdean an aireamh agus an neart, na càill do mhisneach; oir is treasa gu mòr na cumhachdan a tha flathanas, na nas urruinn taomadh a mach a iutharna do dheomhain gu gràsan Dè sgaradh o t’ anam. An Dia chruthaich agus a cheannaich thu, cha lagha na uilechumhachdach, agus nas tìthich’ air do thiarnadh nas urruinn na deomhain a bhith air do sgrios. Gleachd mata gu treubhach; na caomhainn thu fein a chlaoidh; oir cha ’s ann le coghadh an agh- [TD 41] aidh t’ ana-miannan agus t’ fhàgailean peacach a bheir thu buaidh, a ruigeas tu air rioghachd fhlathanais, agus a mhealas tu Dia fad na siorruchd. Tòisich mata o ’n mhionaid so, ann an ainm an Tigherna, a’ glacail mar airm, neo-earbsa asad fhein, earbsa a Dia, urnaigh, agus dea-fheum a thoirt a buadhan do choluinn’ agus t’ anma. Leis na h-airm sin buail air do namhaid, ’s e sin air an leannan-pheacaidh sin, a tha thu an geall a chur fo chìs, le gràin fhuathasaich a thoirt da, le cath dian na aghaidh, le cleachdadh na subhailc a chlaoidheas e, no le miadhoinean ’sa bith eile, a chuireas flathanas ad chridhe gu fhuadach o t’ anam. Na lasaich gn bràch ad ionnsuidh gus a’ striochd e: airson do bhuan chruadal tha do dhùais a’ feitheamh ort o laimh an àrd bhritheamh, a tha na fhianuis mar-ri cùirt fhlathanais uile air do threubhantas. Aon uair eile, tha mi radh, nach feum thu fàs sgìth do ’n chogadh so: cuimhnich gur dleasnas teann air a h-uile h-aon Dia sheirbheiseachadh agus a thoileachadh: oir tha a’ fear a theicheas ga chur fein an cunnart a bhith air a riabadh agus air a mharbhadh.A thuilleadh air sin tha cogadh an aghaidh Dè, is pàirt an t-saoghail a glacail le leanail caithe-beathe àilleasach, an leasachadh na h-anshocrach: oir is mòr an dolaidh a ni sògh is uaill-mhiann do ’n anam is do ’n choluinn; is cha ’n ’eil aimideachd a’s mua na oillteachadh ro thrioblaid bhig anns a’ bheatha so gu dòruinn shiorruidh a sheachnadh anns an t-saoghal eile, agus teicheadh o anshocair aotrom a bheireadh gu sòlas gun crioch sinn is gu aoibneas Dè. [TD 42] XVII. CAIB. An rian a tha ri leanail gu strian a chur ri ’r n-ana-miannan agus ri ’r leannanan peacaidh. AIR chor is nach bi thu dall ’sa chùis so, ’sa gleachd ri faileis, ’sa call, mar tha ioma h-aon, toradh do sathair air fad; is tur riatanach dhut, gu ’m biodh tu làn fhiosrach air an dòigh an cath thu ri t’ ana-miannan agus ri t’ fhàgalaichean peacach. A’ chiad rud mata, a ni thu, se gu ’n rannsuch thu gu math do chridhe fhein, fiach a’ faigh thu mach co iad na smaointean agus na tograichean a tha an cumantas a’ taoghal t’ inntinn, agus de an t-ana-miann a ’s doimhne a fhriamhaich ann ad chridhe, is air an seall thu mar do namhaid a ’s mua, is mar do chiad chuspair comhraig. Ach ma bhuaileas an deomhan ort an àit eile, ’se an geall air do thilgeil as do ghabhail, feuma’ tu freasdal do ’n chunnart far is mua am bi e, agus tilleadh a rithist gun dàil gu d’ chiad gnothach. XVIII. CAIB. An dòigh air an còir dhuinn buathadh grad ar n-ana-miannan a chasg. MAR urruinn thu fhathast cur suas gu faighidneach ri tàir, ri beumaibh, agus ri uilc eile na beathasa, tha agad ri thu fein uidheamachadh uige so, le sùil a bhith agad riu, is dianamh deas air a son. An dèis dhut an t-ana-miann sin a’s mua a tha cur a dh’ èis ort fhaighinn a mach, cha ’n fhuilear dhut dol nas fhaide, agus sealltuinn co iad na daoine ris a’ bheil do gnothach, no de na h-àiteachan a th, agad ri sheasamh. Agus an sin faoda’ tu thuigsinn de na buairidhean a’s dualaiche tighinn ad rathad. [TD 43] Ach ma ghlacas buaireadh thu le failmse, (ged is mòr a’ stà dhut nach beireadh buaireadh na trioblaid ort air an t-seòl sin) fiachaidh mi rathad dhut air a dhianamh mòran nas aotroma. Cho luath ’sa dh’ fhairgheas tu do chridhe ’g at le feirg, a thogas buaireadh ris nach robh sùil agad, thoir an aire gu math ort fhein, cuimhnich gur ann o òrdugh fhlathanais a thachair so, is gu na leig Dia fhein, t’ Athair caomh, air adhart e, gun bheachd ’sa bith eile, ach do ghlanadh nas mua o d’ pheacannan agus do cheangal nas teinne ris fhein; is gur ro-ionmhuinn leis a bith gad fhaicinn a’ cur nan greadain a ’s cruaidhe. An dèigh so tionndaidh do smaointean ort fhein, agus air an dòigh so thoir achasan dhut fein airson do laig mhisnich: a dheoiridh bhochd, de so! An ann a’ teicheadh o ’n chrois a tha thu, a thàinig ort, cha ’n ann o ’n duin’ ud, no duin’ ad eile, ach o t’ Athair ann a’ flathanas. Seall an sin air a’ chrois fhein, agus glac i, cha ’n ann a mhàin le d’ uile thoil, ach le mòr aoibhneas, a’ cantuinn: O chrois, a dh’ òrduich am freasdal dhomhsa o ’n t-siorruchd: O chrios, a ’s blasda dhomsa na uile àilleas na coluinne, le miad mo gràidh air Ios’ a chaidh a’ cheusadh ort. Fasdaidh gun dàil riut fhein mi, air chor is gu ’m bi mi ceangailte risan a cheannaich mi le bhàs fhein ort. Ach ma dh’ fhairgheas tu an gluasad cho làidir na thoiseach, is nach urruinn thu do chridhe thogail suas ri Dia, is gu na dhrùigh e air do thoil; an car a ’s lagha cuir casg air an olc an so, agus a dh’ aon dol-roi-chèile ge fairich thu ann ad chridhe, thoir a h-uile h-ionnsuidh a ’s urr’ thu air t’ àrdan a mhùchadh: ag iarraidh comhnaidh fhlathanais leis an dùrachd a ’s mua. Gu cinnteach an dòigh a ’s fhearr air casg a chur air ciad ghluasadan ar n-ana-miannan, ’se ionnsuidh a [TD 44] thoirt ro laimh air an aobhar a thoirt as an rathad. Ma thug thu an aire, mar gu ’m b’ eadh, gu bheil do spèis cho mòr do rud àraidh air bith, is gu bheil thu a’ lasadh suas gu feirg cho tric agus a thigear ad aghaidh, leig dhiot a’ spèis so, agus siolaidh air folbh do chorruich. Ach mur h-ann o ghaol air rud àraidh air bith a tha do chorruich ag èirigh, ach o ghamhlas do neach-eiginn a ’s beag ort fhaicinn; an leigheas a ’s freagraiche do ’n olc so, ’se fiachuinn, air fhad is ge bheil e an aghaidh do nàdair, ri gaol a thoirt do ’n urra so, cha ’n ann a mhàin airson is gu ’n deach a chruthachadh ri iomhaigh Dè, ’sa cheannach le fuil prìseil Chriosta, a chearta cho math riut fhein; ach gu bheil thu, le cur suas gu faighidneach ri giomhan do ’n t-seòrsa so, gad dhianamh fhein coltach ri t’ Athair siorruidh, a tha sgaoileadh a chaoimhneis ’sa mathais oirnn uile gun seachnadh air neach is gun sòradh. XIX. CAIB. An dòigh air an còir dhuinn gleachd an aghaidh na mi gheanmhnachd. FEUMAR gleachd an aghaidh a’ pheacaidh so air chaochla’ dòigh ri peacannan eile, is le barrachd cruadail; gu so a dhianamh, tha trì àmanan sònruichte agad ri thoirt fonear; ’s iad sin, ro ’n bhuaireadh, an àm a’ bhuairidh, agus an dèigh a’ bhuairidh. 1. Ro àm a’ bhuairidh feuma’ sinn a bhith ro fhaicilleach oirnn fhein, a’ seachnadh a h-uile ni a bhios na cheann aobhair do ’n pheacadh so, air a laghad, agus cuideachda gach aon a bhios cunnartach dhuinn; agus ma tha againn ri bruidhean ri leithid sin do dh’ fheadhainn mar rud nach gabh seachnadh, biodh ar comhra cho [TD 45] goirid ’sa fhaodas e, biodh fiamh air ar gnùis, agus ar cainnt cudtromach, stòlda, saor o thlàs agus cridhealas. Na gabh dànadas as do neart fhein, ge do thachradh dhut ioma bliadhna a chur seachad anns an t-saoghal saor o ionnsuidhean na drùis. Oir is tric le deomhan na neoglaine gu ’n dian e ann am mionaid, an rud nach b’ urr’ e a dhianamh fad mhòrain bhliadhnachan. Air uairibh gabhaidh e mòran tìme gu dianamh deas airson na h-ionnsuidh; ach mar is mua a bhios a cheilg a’ falach, is mar is lagha a bhios sùil rithe, ’s ann a ’s goirte am beum agus a ’s doimhne a’ lot. Rud eile tha ri thoirt fonear, is tha sgiorraidh gach là ga chomhdach, gu bheil an cunnart daonnan nas mua anns na coinneamhan sin far is lagha a tha an t-olc ri lèirsinn, ’s air a bheileas a’ gabhail dànadais fo chleòca dàimh, comaine, dleasnais, no dea-bheusan is dea-ghiùlan na h-urra sin dha bheil ar spèis. Ach goididh gaol neo-ghlan a stigh am miasg a leithid so do chaidrimh, a ghabhas air adhart le coinneamhan tric’, comhra fada agus sùgradh mi-shuairc’, gus an ruig am puinsean an cridhe, san dallar reuson cho fad, is gu ’n aontaich e do shealltuinnean mi-shuairc’, do chàinnt thlà, do shùgradh baoth, o ’n èirich buairidhean làidir is do-cheannsuicht’ ach gann. Teich mata, gu ro-chùramach o cheann aobhair a’ pheacaidh so, a tha na deise gu lasadh unnad na tha fodar anns an teine.—Na h-earb a càil do shubhailcean, na gabh dànadas asad fein, ge do chuire’ tu romhad bàsachadh nas luaithe na peacachadh an aghaidh Dè; oir a dh’ aon dèidh a dh’ fhaodadh a bhith agad air subhailcean, dùisgidh caidre’ tlà tric teine nach gabh diocladh. Fàsaidh tu cho tìtheach air do [TD 46] mhiann salach a riarachadh, is nach èisd thu ri comhairle do chàirdean, caillidh tu eagal Dè, fàsaidh tu coma mu d’ chliù, is mu d’ bheatha cuideachd, lasraichean iutharna fein cha mhùch an teine truaillidh chaidh fhadadh ad uchd.—Tiaruinn thu fhein mata le fuireach as a’ chunnart; rathad sàbhalaidh eile cha ’n ’eil ann, is gur e sgrios shiorruidh is deireadh do ro-dhànadas. 2. Seachuinn diomhanas; cuir gnothaichean do staid air adhart gu ro-chùramach. 3. Gabh comhairle na feadhnach a tha fos do chionn gu ro-dheònach; dian an rud a shireas iad ort, agus dian na gnothaichean a’s lagh’ ort, ’sa fhaide an aghaidh do nàdair le tuille toil. 4. Gu bràch na toir breìtheanas air feadhainn eile, gu h-àraid a thaobh drùis. Is math thachair do neach air bith a bhith cho cruaidh fhortanach, is gu na thuit e anns ’sa pheacadh so, is gu bheil a’ chùis follaiseach, cha ’n fhaod thu sealltuinn sios air, ach gabh truas ri laigse, agus biodh sin na leason dhut gus thu fhein umhlachadh an làthair Dè: ag aideach nach ’eil unnad ach ùir, luath, fior neoni; ach leasaich t’ urnaigh, agus seachuinn le tuille cùraim a h-uile cuideachd’ a bhios cunnartach dhut, air a laghad is ge saoil thu an gàbhadh. Oir ma ghabhas tu dhànadas ort fhein, gu ’n toir thu binn chruaidh air do bhraithrean, leigidh Dia leat, mar dhiùghaltas maraon is mar leason dhut tuiteam anns a’ choire chiadna, mu bheil thu a’ dìteadh an atharraich; fiach a’ fosgail a leithid sin do mhasladh do shùilean, ’sa faic thu t’ àrdan is do dhànadas, agus an iarr thu leigheas dhaibh le chèile. Ach ged bhiodh a shealbh ort peacannan gràineil do ’n t-seòrsa so a sheachnadh, gu cinnteach, [TD 47] ma leanas tu air a bhith a’ toirt breth obuinn, tha thu ann an cunnart mòr a bith càillte. 5. Ma dh’fhairgheas tu do chridhe a’ snàmh le aoibhneas is le toil-inntinn spioradail, thoir an aire nach gabh thu tlac diomhair as ann ad chridhe fhein, bi air t’ fhaicill nach seall thu ort fein mar dhuine coimhlion, air nach urruinn an namhaid tuille dolaidh a dhianamh, a thaobh is gu bheil thu ga chur suarach is an neopris mhòir: ach gu cinnteach chuire’ tu feum ’sa cheart uair so air an fhaicill a’s mua gus do thiarnadh o thuiteam anns a’ pheacadh a rithist. Tha agaìnn a’ nis ri sealltuinn air ciod a bhuineas do dh’ àm a’ bhuairidh. Anns a chiad-dol-amach, tha againn ri rannsuchadh, co dhiù tha aobhar a’ bhuairidh a’ tighinn o leth-astigh no o leth-amach. ’S iad so aobhair nà leth-amach, dànadas nan sùl is nan cluas ann an càsan mi-theisteil, tuille ’sa chòir do riomhadh ann an aodach, caidre tlà, brìodal mishuairc. An leigeas a tha freagrach do’n olc so, ’se giùlan stuama beusach oirnn fhein, a dhùineas na cluasan agus na sùilean do ’n h-uile ni a thruailleas an cridhe: ach an leigheas is cumhachdaich’ uile, mar a thuirt mi, ’se ceann aobhair a’ pheacaidh a sheachnadh. Thig aobhair na leth-astigh o ro-mheanmhnachd na coluinne, o mhòran do dhroch smaointean a dh’ èireas o ana-cleachduinean, no o bhuaireadh an aibhistear. Nuair a geobh a’ cholunn a h-àrach ro-àilleasach, feumar a claoidh le traisg, le sgiùrsadh, le caithris, agus le peanasan eile; ach ’s còir dha leithid so a bhith daonnan fo rian reusoin is seòliadh ar luchd-iuil. A thaobh smaointean neo-ghlan, tha iad ri fuadadh air folbh a dh’ aona chearn as an d’ thig [TD 48] iad: agus sin air an dà dhòigh so; le coimhlionadh gach dleasnas a bhuineas gar staid, agus leigeil air urnaigh is meadhrachadh diadhaidh. Dian urnaigh air an dòigh so. Nuair a fhairgheas tu smaointean do ’n t-seòrsa so ’g èiridh ann ad chridhe, agus coltach ri drùghadh air, smaoinich ort fhein, agus labhair ri Criosta, a chaidh a cheusadh; tog do ghuth, abair; Ios’ mo ghràidh, dian mo chobhair gu luath, mun tuit mi ann an lamhan mo naimhdean. Air uairibh eile glac an crann-ceusta, iomhaigh do shlànair an àm a bhàis, pòg athailtean a lot na chasan, agus abair le earbsa mhòir ìs gràdh; o lotan an àigh! O chreuchdan diadhaidh! Buailibh ur n-iomhaigh gu domhain ann am chridhe, is e làn truailleachd, is na leigibh dhomh gèilleadh do ’n pheacadh. A’ thaobh meadhrachaidh, nuair a’ bhios am buaireadh na uile neart, cha ’n ionann barail dhomh is do dh’ ioma h-aon, a tha comhairleachadh mar bhuille-gràinich’ air a’ pheacadh so, gu ’m bu chòir teannadh ri smaoineachadh, air cho gràineil agus cho do-cheannsaicht’ is a tha am peacadh so, an dorran, an cnàmh cogais ’sam briste-cridhe a tha na lòrg, gu tric call codach, slàinte, beatha agus cliù. An reuson air smaointean mar so a sheachadh, ’se so, nach ’eil e freagrach a bhith luaidh nichean mar sin san àm; a thaobh ’s gu bheil iad iomadh uair, an àite ar tarruing o ’n chunnart, gar sparradh nas fhaide ann: oir ma tha an tuigse air an darna laimh a’ fuadach nan droch smaointean, tha leithid so do chràbhadh gan gairm air an ais a rithist. Air an aobhar sin dòigh is cinntiche gu laimh-an-uachdar fhaighinn air a’ bhuaireadh, ’se na droch smaointean fein, is an cràbhadh a tha dìreach nan aghaidh a sheachnadh; oir ma bheir [TD 49] thu ionnsuidh air an darna cuid fhuadadh leis a’ chuid eile, tha thu ’g ùrachadh na smaointean salach, is gan sàthadh nas doimhne ann ad chridhe gun fhios dut. Ime sin, foghnadh dhut smaoineachadh air beatha is air bàs do Shlànair: agus ma thuiteas e mach, nuair a tha thu ris a’ chràbhadh naomh so, gu ’n till na smaointean ciadna a rìs, agus gu ’m fiach iad riut nas cruaidhe na rinn iad an toiseach, rud a dh’ fhaodas tachairt; na càill do mhisneach, is na leig dhiot do chràbhadh: ach an àite dol gu d’ dhichioll gam fuadach, dian diù is neopris do dh’ ionnrachdan truagh’ an deomhain. Lean air meadhrachadh bàis do Shlànair leis an dùrachd a ’s fhearr is urrainn thu; a thaobh nach ’eil ni eil’ ann a ’s mua blagh gus an t-eucorach salach a chur air chùl, ged biodh e an geall gun sgur a’ feasda. Cuir crioch air do chràbhadh leis an achanaich so na leithid eile. O mo Chruthadair agus mo Shlànair, teasraig mi o m’ naimhdean as leth do mhòir mathais fein agus luaidheachd do bhàis dhòruinnich. Ach thoir an aire nuair a bhios tu cantuinn so, nach smaoinich thu air a’ pheacadh àraidh ris a bheil do sthrì, oir a’ smaoineachadh a’s lagha ni thu air tha e cunnartach dhut. Ach fos cionn gach ni thoir an aire nach càill thu a’ bheag a dh’ ùine, gad cheasnachadh fein càd a fhaoda’ tu snaoitheadh leis a’ bhuaireadh. Cha bhiodh na leithid so do rannsachadh ach cealg an deomhain, a dh’ iarras fo chleòc dealbhach dleasnais an ath ionnsuidh a thoirt, no an car a ’s lagha tha e an geall, gu ’n dianadh na smaointean truaillidh, a thaom e ann ad chridhe rud-eiginn drùghadh ort. Ime sin, uair air bith nach ’eil e soilleir gu na ghèill thu do ’n olc, foghnaidh dhut an rud a [TD 50] thachair innse ann am beagan fhacal dha t’ athair-èisdeachd: agus bi air do stiùradh le chomhairlese gun tuille dragh a chur ort fhein. Ach thoir an aire nach ceil thu ni cudtromach air bith le nàire no le leithsgeul ’sa bith eile: oir ma tha an umhlachd feumail gu laimh-an-uachdar fhaighinn air t’ uile naimhdean, tha i mòran nas riatanaich’ anns a’ chàs so; a thaobh is nach ’eil anns an drùis am bichiontas ach ceart bhreitheanas a thàtar a’ leigeil air an àrdan. Nuair a sguireas am buaireadh, so mar a ni thu. Ge do bhiodh am fè a ’s mua air t’ inntinn, ge do shaoileadh tu thu fein tur tiaruinnte, seachuinn an dèis sin uile gu ro-chùramach gach ni a fhadas am buaireadh a thogail dhut, druid a mach o d’ chridhe iad gu h-iomlan, ged bhiodh dreach shubhailcean fhein orra, na dealbh math ’sa bith eile. Thig a leithid sin do sgleòthan brèige o chleig ar nàdair choirbte, no o fhoill an deomhain, a ghabhas air fein coltas aingil sholuis, gus ar tarruing leis gu dorchadas ifrinn. XX. CAIB. Mar is còir cogadh an aghaidh na leisg. Is beirt ro-fheumail dhuinn cogadh an aghaidh na leisg; oir cha ’n ann air coimhlionachd spioradail a mhàin a tha i a’ cur èis, ach tha i gar liubhairt seachad do naimhdean ar n-anma. Ime sin, ma tha mhiann ort gleachd an seòl ceart an aghaidh na leisg, tòisich le leigeadh dhiot faoineis is abhcaid gun seagh; tarruing do chridhe o nichean talmhaidh, agus cuidhtich a h-uile gnothach nach ’eil sgèithte ri d’ staid. Cuir gu dùrachdach le impidh nan gràs a flathanas, gabh comhairle nam feadhnach a tha fos do chionn, dian a h-uile gnothach san àm fhreag- [TD 51] rach agus anns an dòigh cheirt: na cuir dàil mionaid anns an obair a tha ri dianamh; thoir an aire gu bheil a chiad dàil a’ tarruing dàil eile, agus i sin an treas dàil; agus mar sin, tha sinn a’ tuiteam air ais; oir tha gràin air gniomh agus dèidh air diomhanas a sior dhol am miad, mar is mua a thèid an leigeil air adhart. Mar sin fasaidh duine mèirgeach gu gniomh, no leigidh e dheth e tur, leis cho mi-thaitneach is a tha an t-saothair. Sin mar a thig cleachdadh na leisg oirnn, agus is duilich a chrathadh dhinn, nas lagha na thachras do ’n nàire a tha lòrg caithe-beatha dhiomhanaich ar dùsgadh gu tuille sùrd agus adhartachd san am a tha romhuinn. Tha e ri innse cuideachd gur puinsean an leisg a tha a’ sgaoileadh a nimh feadh bhuadhan an anma air fad, am milleadh na toil le gràin a thoirt dhi air cosnadh, agus na tuigse le doille cho mòr is nach faic i gu bheil togradh nan lunndairean am bichiontas gun bhrìgh: is gu bheil an gnothach bu chòir a dhianamh gun dàil air a dhearmad, no fhàgail gu àm eile. Thoir an aire cuideachd nach leòr an gnothach a thig mu d’ choinneamh a dhianamh air ball, a thuilleadh air sin tha an t-àm iomchuidh ri shealltuinn air, agus an t-saothair a ’s mua ri ghabhail ris, gus a dhianamh cho coimhlion ’sa ghabhas e. Oir cha ’n e saothair cheart, ach leisg sheòlta, a dh’ fhaodar a chantuinn ris a’ chabhaig mhòir sin a ni gnothach le braise, gun umhail co dhiu a’ bhios e gu math no gu h-olc air a dhianamh, ach an geall a mhàin air an obair a chur seachad gu h-ealamh, is socair a ghabhail cho luath ’sa fhaodar. ’Se friamh an ulc so cion toirt fonear cho luachar is a tha dea-gniomh a thèid a dhianamh san àm agus anns an t-seòl [TD 52] cheart, ’sa bhristeas ro ’n h-uile cuimrig a thilgeas an leisg an caramh na feadhnach sin a tha strì an aghaidh an ana-miannan. Cuimhnich mata gu tric, gur mua luach aon togail cridhe ri Dia, aon saighdeadh inntinn gu flathanas, lùbadh glùin, an striochdadh a’s lagha do mhòralachd Dè, na iomhnas an domhain gu lèir; oir a h-uil’ h-uair a chlaoidheas duine ana- miannan tha crùn glòrach a’ feitheamh air o laimh nan aingeal, airson na buaidh a choisinn e air fhein. Air a’ laimh eile tha Dia a’ tarruing a gràsan lion beag is beag o na daoine leisg, nach ’eil a’dianamh feum dhiu, agus gan taomadh air na daoine adhartach, mar mhiadhoinean a bheir a stigh iad là-eiginn, mar sheirbheisich dhìleas gu aoibhneas an Tighearna, (Mat. xxv. 21). Ach ma dh’ fhairgheas tu thu fhein ana-comasach air dol ro ’n h-uile cuimrig is trioblaid a thig ad rathad air slighe na coimhlionachd, feuma’ tu a bith cho sheòlta is gu falaich thu ort fein iad, ann a’ rathad is gu saoilear iad mòran nas lagha na tha daoine leisg ga sàmhlachadh. Leis a sin ma chi thu gu bheil mòran ghniomhan riatanach gu subhailc àraidh air bith a chosnadh, agus gu feumar na gniomhan sin a chleachdadh fad mòran laithean an aghaidh do naimhdean lionor làidir, tòisich air gniomhan a dhianamh mar gu foghnadh beagan, agus sguiridh t’ imcheist an ùine ghearr. Cath ri d’ naimhdean lion fear is fear, no mar nach biodh ann ach a h-aon, is faoda’ tu a bhith cinnteach gu’m buadhaich thu orr’ uile le gràsan Dè. Air an dòigh so bheirear buaidh air an leisg, agus suidhichear an t-subhailc a tha na h-aghaidh na h-àitc. Lean an dòigh chiadna ann ad ùrnaigh. Ma tha uair a’ chluig agad ri thoirt dhi, is gu saoil [TD 53] thu sin fada, na cuir ach cairteal na h-uarach ort fein, is nuair a ruitheas sin, cuir urad eile ris, agus mar sin siolaidh an uair uile seachad. Ach rè na h-ùine so, ma dh’ fhairgheas tu an urnaigh fada an aghaidh do nàdair, na dian buileach mi-thaitneach i, faoda’ tu sgur dhi tiota beag, rud nach d’ thig gu dolaidh, ma ses gu’ n till thu gu h-ealamh gus an dleasnas naomh so. Freagraidh an chomhairle chiadna dhut ann an gnothaichean diachuinneach eile. Ma tha eagal ort gu’m bristear do chridhe le mòran oibrichean, agus leis an t-saothair a chosgas e dhut an dianamh, is ma tha do misneach cuideachd am fàillinneachadh leis an leisg, tòisich air a chiad rud a tha ri dhianamh, gun smaoineachadh air na gnothaichean eile; gabh saothair mhòr ri so, is ma thèid a dhianamh gu math fàsaidh na gnothaichean eile nas fhasa na shaoil thu. ’S ann mar so a fheumas tu ceann a thoirt do ghniomhan deacair, gun saothair a chaomhna’ uair air bith. Oir is aobhar eagail dhut gu faodadh an leisg graim cho làidir a dhianamh ort, is nach bi thu comasach air dìreadh gus a’ chiad cheum do na subhailcean, is gu’n clisg thu le fuathas mun d’ thig an trioblaid a’s lagha ad chòir. So mar tha ’g èirigh do dh’ anman dealtach cladharra: tha iad daonnan fo eagal an namhud, air a laigead, is air fhaidead ge ’m bi e uapa; a h-uile mionaid tha iad fo fhiamh, gu’n d’ thèid tuilleadh eallaich orra na ’s urruinn daibh a ghiùlan, agus mar sin am pèin nuair is mua an socair. Agus o so biodh fios agad gur boinne puinsein am peacadh so, a tha cur gaiseadh anns na subhailcean, cha’n ann a mhàin nan ciad fhàs, ach déis daibh tighinn gu ire. [TD 54] Biodh brath agad gur ionann dolaidh an reudain air an fhiodh, agus milleadh na leisg air caithe-beatha spioradail, is gur mòr a beud ann an lamhan an deomhain gu daoine tharruing gu lion, gu h-àraid iadsa a tha sireadh gu caithe-beatha spioradail. Biodh sùil agad mata ort fhein, cleachd urnaigh, agus dian deagh-oibrichean; na cuir dàil ann ad èideadh-bainns’, uidheamachadh gus an t àm d’ theid do ghairm dol an coinneamh fir-na-bainnse a’ tighinn a flathanas. Ach a’ h-uile là cuimhnich, nach do gheall an Tì a thuig gus a’ mhaduinn thu na thròcair, na gràsan ciadna dhut gu h-oidhchie. Agus nuair a thig an oidhche cha’n’eil barrantas ’sa bith agad gu faic thu an ath latha. Air an aobhar sin caith gach latha mar gu ’m b’e dearrsa mu dheireadh dhe t’ shaoghal. Na biodh dad ad bheachd ach toil Dè, agus bi daonnan fo fhiamh mu’ n chunntas chruaidh a ghabhas Dia dhiot mu ’n h-uile mionaid dhe d’ thìm. Aon fhacal eile. Ge do rachadh tu ro mhòran gnothaichean, ge do ghabhadh tu anabarr saothrach, tuig agad fhein gu na chaill thu an latha, is gu bheil t’ obair air fad gun fheum, mur do choisinn thu ioma buaidh air t’ ana-miannan, agus air do thoil fhein: mur robh thu ro-thàingeil do Dhia airson a thiodhlaicean dhut, is gu h-àraid airson is gu ’n d’ fhuilig e am bàs air do shon: mur d’ fhurain thu a h-uile crois a thàinig ort mar ghràsan o Athair na tròcaire, mar mhiadhoinean gu d’ ghlanadh o d’ pheacannan lionor. [TD 55] XXI. CAIB. Mar a bheirear dea-fheum as na ceudan corporra; is mar a dh’ fhaodas iad ar comhnadh gu smaointean diadhaidh. GUS ar ceudan corporra thoirt gu rian ceart tha anabarr faicill agus saothair riatanach: a thaobh is gu bheil an fheoil, friamh gach miann coirbte a h-unnainn, anabarrach tìtheach air toileachadh dhi fhein. Agus o nach’eil seòl eil’ aice air i fhein a riarachadh, tha i fosladh nan ceudan corporra gu ruighinn air a miann, a chitear leis an anam tro’n dorus sin mar gu ’m b’ ann an sgàthan. Mar sin leis an t-snaim a tha eadar an t-anam agus a’ cholunn, tha an toileachadh talmhaidh, an dèis ruith ro na ceudan corporra, a’ bristeadh a stigh mar phlàigh air buadhan an anama, agus a’ truailleadh an duine air fad. So an leigheas a tha ri fhiachuinn ris an olc fhuathasach so: Biodh deagh-aire agad air do cheudan corporra: na dian ionnramaidean dhiu uair air bith ach gu math, gu crìch mhath, gu stà dhut, no airson gnothaich tur feumail; ach gu bràch na tarruing toil-inntinn uapa. Ma ruitheas iad uair air bith uat air faondra’, mar gu’m b’ ann gun fhios dut, ma leumas iad thairis air a’ chrìch a shuidhich reuson, gairm air an ais iad gu luath, agus cuir air rian iad ann a’ seòl is gu’n iarr iad, cha ’n e toileachadh brèige a rudan, ach comhnadh nach beag do’n anam gu fàs diadhaidh agus coimhlion o amharc air nichean talmhaidh: air chor is gu ’m faod an t-anam le neart smaoineachaidh dìreadh suas o eòlas air rudan talmhuidh gu eòlas an Dè mhòir. Gabhaidh so dianamh air an dòigh so. Nuair a thig cuspair dealbhach fo h-aon ’sa bith dhe d’ cheudan, na gabh beachd air le sùil fheòla, ach le sùilean na tuigse, agus thoir [TD 56] an aire, ma tha dad air bith aige, a thaitneas ri d’ phollaran, nach ann uaithe fhein a tha sin aige, ach o Dhia, a chruthaich e, ’sa thug dha le laimh fhial a h-uile buaidh mhath dhealbhach a th’ aige. Gabh toileachadh a sin, a’ smaoineachadh gur e an Tì mhòr uilechumhachdach aon ughdair gach àilleachd a tha na chreutairean, agus gu bheil na buadhan sin uile aige ann fhein le tuille glòir agus maise no tha iad ri fhaotuinn anns na creutairean a’s bòidhche a chaidh a chruthachadh. Nuair a sheallas tu air gniomh dealbhach ’sa bith feadh an domhain, cuimhnich gur neoni as fhein e; tog t’inntinn suas gus an laimh fheartar a rinn e agus dian uail as; a’ cantuinn; O mo Dhia, is tu aona chuspair mo mhiann. Nach aoibhinn ri smaoineachadh nach ’eil ann am maise chreutairean ach faileas fann air do ghlòir, ’s gur tu fhein aon fhuaran a h-uile mathais. Nuair a chi thu craobhan no geugan fo bhlàth, no luibhean bòidheach ri faicinn, cuimhnich gur e an gliocas gun chrioch a tha gu diomhair gan altrum: agus abair ris; O Dhè bheò, ughdair na beatha, ’sa rùin m’anma, ’S ann uatsa, unnadsa, agus leatsa a tha beatha agus maise gach ni air talamh. Ri faicinn ainmhidhean, tog t’ inntinn is do chridhe suas ri Dia, a tha toirt muthachadh is gluasad dhaibh: ag gradh le mòran umhlachd is gràidh: O Dhia mhòir a tha toirt gluasaid do gach ni gun ghluasad thu fhein, is mòr m’ aighear, a’ smaoineachadh air do bheatha bhith-bhuan air nach d’ thig caochladh. Nuair a ghabhas tu iongatas a maise chlan-daoine, sgar o chèile san uair an dreach a chi an t-sùil o’n sgeìmh nach fhaic ach an tuigse, stad an so, a’ cuimhneachadh gur ann o fhreumh dhiomhair’ [TD 57] is o mhaise an Dè gun tùs, a tha h-uile sgèimh coluinne, is abair ann ad chridhe fhein; feuch an so boinne beag a thuit a aibheis gun chrioch, a cuan gun iomall, o bheil feartan gun aireamh an struthadh gun tamh. O mar tha m’anam a’ leaghadh le sòlas, a’ smaoineachadh air do mhaise shiorruidh, màthair aobhair gach rud àghor air talamh! Nuair a choinnicheas tu duine làn gliocais no caoimhneis no subhailc air bith eile, cuir air leth mar an ciadna an ni th’ aige uaithe fhein o ’n rud a fhuair e a flathanas; agus an sin abair, o Dhè nan uile shubhailcean! cha’n urruinn mi m’ aoibhneas a luaidh, nuair a smaoinicheas mi, gur h-ann uatsa a tha h-uile mathas, agus gur fior neoni coimhlionachd chreutairean cruthaicht’ ann an coimeas ri d’ mhòralachd. Mìle beannachd dhut airson so, is gach mathas eile, a bhuilich thu air mo choimhearsnach no orm fhein. Gabh truas ri m’ bhochduin: seall air cho feumach sa tha mi air a leithid so (no sud) do shubhailc àraidh. Nuair a ni thu gniomh math, cuimhnich gur e Dia a’s urruinn dha, is nach ’eil unnadsa ach inneal na laimh: an sin a’togail do shùilean suas ris, abair, o Mhaighistir an domhain is ait leam ri thuigsinn, nach ’eil e am chomas fhein a’ bheag a dhianamh, is gur tusa ciad thùs is ceann-aobhair gach ni. Nuair a bhlaiseas tu rud milis air bith, cuimhnich gur e Dia mhàin a b’ urruinn am blas taitneach so a thoirt da, dian t’ aobhar uail air fad dheth, is can ann ad chridhe; o m’ anam bi aoibhinn, gur ann an Dia tha brìgh gach sòlais, ’s as eugais gur faoin a h-uile sòghalachd! Nuair a fhairgheas tu fàile cùbhraidh, thoir an aire nach stad thu aig an toileachadh fhaoin sin; ach [TD 58] tog do chridhe gu flathanas, agus tuig gur ann o Dhia a thàinig am boladh so; gabh toileachadh as, agus guidh air, is gur e àrd mhaighistir a h-uile sòlais, gu’n tairngeadh e t’ anam, ’se saor o gach dèidh thalmhaidh, uige fhein, mar spìosradh cùbhraidh. An aon facal, nuair a chluinneas tu binneas ciuil, smaoinich air Dia, agus abair, o mo Dhia tha mo chridhe a’ snàmh an sòlas; bheir smaoineacheadh air fheartan diadhaidh, a tha uile seìnn gu d’ ghòir, air m’ anam, aingle, daoine, is gach creutair leum le aighir nan ceòl. XXII. CAIB. Mar a dh’ fhaodas nichean talmhaidh ar comhnadh gu diomhaireachd beatha agus pàis ar Slànair a thoirt fonear. DH’ fhiach mi dhut martha mar a dh’ èireas tu o nichean talmhaidh gu smaoineachadh air mòralachd Dè; ionnsuich a nis mar a thairngeas tu na rudan ciadna gu beò-smaoineachadh air diomhaireachd naoimh beatha agus bàs ar Slànair. Cha’n ’eil ni ’sa chruinne nach fhaod so a chur air shùilean dhut. Thoir an aire an toisneach mata, mar a thuirt mi a cheana, gur e Dia ciad ughdair a h-uile ni; is gur e esan a thug do chreutairean, gu ruig’ an fheadhainn a’s àirde, am beatha, am maise, is gach dea-bhuaidh a th’ aca. An dèis sin amhairc le ioghnadh air mòr mhathas ard uachdrain an domhain, a dh’ islich e fein cho fad is gu na gabh e colunn daonda, is gu ’n dh’ fhuilig e bàs maslach gus ar sàbhaladh, a’ leigeil le chreutairean fhein cuideachd èirigh na aghaidh ’sa thairngeadh ris a’ chrois. Ach ma’s àill leat ànradh [TD 59] agus fhulangas ’a thuigsinn ceart, cuiridh gach ni mu chuairt dut sin an cuimhne dhut. Nuair a chi thu airm, slatan, cùird, dreaghan, cuilc, tairngean, ùird, cuimhnichidh tu gu’m b’ iad sin ionnramaidean a phàis. Cuiridh bothan bochd taigh’ air shùilean dhut a’ stapull, agus a’ phrasach anns na chuireadh e. Bheir na boinnean uisge, a thuiteas air an talamah gu t’ innitinn am fallus fala a bhrùchd ro choluinn ann an garradh Olibhet. Cuimhnichidh na clachan dhut na creagan a sgàin aig àm a bhàis. Nuair a’ bheir thu sùil air a’ ghrèin no air an talamh, thoir an aire gu na chrith an talamh, is gu na dhorchaich a’ ghrian an trà a thilg e an anail. Nuair a chi thu bùrn, cuimhnich air an uisg’ a thaom a mach o thaobh; agus mar sin ìs cuimhneachan mìle rud eil’ air a phàis. Nuair a dh’ òlas tu deoch, smaoinich air an fhion-gheur is an domhlas a ghabh ar Slànair caomh o lamhan a naimhdean. Ma tha thu a’ gabhail tuille ’sa chòir do thoileachadh a spiosradh cùbhraidh, cuimhnich air droch fhàile nan collunnan marbha a dh’ fhairich ar Slànair air sliabh Chalbhari; an àm cur ort t’ aodaich, cuimhnich gu’n deach Mac Dè a sgeadachadh le’r colunn daonda, gu sinn’ èideadh le dhiadhachd. An àm cur dhiot t’ aodaich, sàmhlaich agad fhein gu bheil thu ga fhaicinn ga rùsgadh le lamhan a luchd pianaidh, gus a sgiùrsadh gun dàil, agus a thairngeadh ris a’ chrois air do shon. Nuair a chluinneas tu glaodhaich, cuimhnich air iolaich bhuaireasaich an t-sluaigh gun chiall an aghaidh an Tighearna, ag èigheach; cuirt’ as da, cuirt’ as da, ceus e, ceus e. Cho tric ’sa chluinneas tu an clag a’ bualadh, thoir an aire gu’n robh chridhe beannaicht Ios’ a plosgail anns an ghàrradh le cruaidh spàirn, ri [TD 60] faicinn na dòruinn ghàbhaidh a bha a’ feitheamh air, no smaoinich gu bheil thu a’ cluinntinn buillean nan òrd leis an robh na saighdearan ga thairngeadh ris a’ chrann-cheusda. An aon fhacal, rud ’sa bith a bhios tu fhein a’ fulang, no chi thu an t-atharrach am fulang, tuig agad fhein, gur beag sin laimh ris an dòruinn cuirp agus anma a dh’ fhuilig do shlàinair air do shon an àm fàgail na beatha so. XXIII. CAIB. Dòighean eile leis am faod ar ceudan corporra tighinn gu stà dhuinn an ioma càs. DHIACH mi cheana mar a fhaodar an inntinn a thogail o rudan talmhaidh gu nichean spioradail, agus gu rùin dhiomhair Iosa Chriost’ a thoirt fonear; gabhaidh mi air m’ adhart gu cuspairean eile smaointean a thoirt am follais: air chor is gu faod gach aon e fein a riarachadh air rèir a thogail agus a chràbhaidh; rud a thig gu stà cha ’n ann a mhàin do na daoine laga, ach do’n fheadhainn a’s fhaide aire adhart; oir cha ’n ann air aon rathad a tha iad uile a’ triall gu coimhlionachd, is cha ’n ionnan comas dhaibh uil’ air àrd smaointean. Ach cha ruig thu leas dad do dh’ eagal a bhith ort, gu ’n tog na dòighean lionor so imcheist dhut, stiùradh reuson thu, gabh comhairle cinn-iuil ghlic, gèill gu h-iriosal do ’n rian a chuireas e mu d’ choinneamh, cha ’n ann a mhian anns an rud a tha mi cantuinn an dràsda, ach anns gach ni a their mi an dèigh so cuideachd. Nuair chi thu mata ni air bith taitneach do’n t-sùil, is miaghail aig clann-daoine, smaonich agad fein, gur suaraich’ e na ’m poll a tha fo d’ chasan, laimh ris na nichean a tha ’n gealltuinn [TD 61] dhuinn ann a’ flathanas, an t-ionad gus an còir dhutsa a bhith an comhnuidh a’ triall, le sealltuinn sios air gach ni eile. Nuair a shellas tu air a’ ghrèin, smaoinich gu bheil t’ anam fo èide’ nan gràs nas gile, is nas bòidhche nan iarmailt uile: ach as eugais an trusgain so nas duaichnidh na iutharna. Ag amharc air an athar, tog do smaointean suas gu flathanas, agus leag t’ inntinn air an àite sin far a bheil fois shiorruidh dhut cinnteach, ma bhios do chaithe-beatha neochiontach agus diadhaidh air talamh. Ma chluinneas tu ceileir ian, smaoinich air phàrrais, far a bheil glòir Dè ga seinn gun lasachadh: is anns an àm chiadna guidh air Dia, gu ’n dianadh e toillteannach thu air moladh siorruidh thoirt da am miasg nan spiorad beannaichte. Ma bhios tu air do thogail gu mòr le maise chreutairean, smaonich gu bheil thu faicinn an Aìbhistear ga falach fein fo ’n sgèimh bhrèige sin, an geall air do lot, is beatha t’ anma thoirt uat; is abair ris le corruich naoimh; as ’m fhianuis a nathair mollaichte, is faoin dhut a bhith gad cheiltinn fhein gu mise a’ sgrios. Tionndaidh an sin ri Dia, agus abair ris; beannaichte gn robh t’ ainm, a tha fiachuinn dhomsa foill an namhud is gam armadh ro-laimh air a shon: a sin ruith gu lotan do Shlanair, mar dhìdean cinnteach dhut, beachdneach air an dòruinn thruim a dh’ fhuilig e air do shon, gus do nighe’ o d’ pheacannan, agus gu gràin a chur an ad chridhe air a h-uile toileachadh saoghalta. Dòigh eile air seachnadh a’ bhuairidh a thig o mhaise chreutairean, ’se smaoineachadh gur mòr an t-atharrachadh a ni am bàs air an rud a’s àillidh coltas. Nuair a bhios tu a folbh an rathaid, cuimhnich gu bheil a h-uile ceum gad [TD 62] thoirt nas teinn’ air an uaigh. Is mall ian air iteig, is mall siubhal nan struth, seach luas beatha mhic-an-duine. Bheir stoirm a milleas gach dùil, bheir tairneanach a ghluaiseas an talamh, nar cuimhn’ a’ latha mu dheireadh, a’ sireadh oirnn ar glùn a lùbadh air bhialaobh a’ bhrithimh mhòir, a thoirt aoraidh dha, ’sa ghriosad air, gu n’comhnadh e sinn gu dianamh deas san àm gu tighinn na làthair, ma leagh sinn air folbh san lath’ ud le fiamh. Ma ’s math leat sgiorraidhean lionor na beatha so thionndadh gu math dhut, faodaidh tu na seòlaichean so a leanail. Ma dh’ fhuilgeas tu, mar gu ’m b’ eadh, teas, no fuachd, no anshocair ’sa bith eile, ma bhios mulad no leann-dubh gad tharmachadh, thoir rian siorruidh an freasdail fonear, a chuir an trioblaid so ad rathad gu d’ bhuannachd, agus a thomhais na ghliocas i ri d’ neart. Mar sin chi thu le sòlas gu bheil taobh blà caoimhneil aig Athair na tròcaire riut: ni a tha soilleir o ’n chothrom a tha e toirt dhut air a sheirbheiseachadh anns an dòigh a ’s taitniche leis. Am faicinn mata gu bheil rathad agad nas fhearr na bh’ agad riamh air a thoileachadh, abair: a nis air a coimhlionadh unnamsa tha toil na Tì ud, a dh’ òrduich dhomsa na iochd o t-siorruchd an anshochair so air an latha an diugh. Gu robh ainm beannaichte gu bràch! Nuair a dh’ èireas smaoineachadh math air bith ad chride, tuig gur h-ann o Dhia a thain’ e, agus thoir an tàing a ’s còir dhut do dh’ Athair gach soillse. Nuair a leughas tu leabhar diadhaidh, smaoinich gur e a’ Spiorad Naomh a tha a’ labhairt riut, agus a theagaisg a bhrìgh. Nuair a chi thu crois, seall oirre mar shuaicheantas Iosa Criosta, do cheannard: agus cuimhnich ma thèid [TD 63] thu ach an ceum a’s lagha uaipe, gu ’n tuit thu ann an lamhaibh naimhdean gun tròcair, ach ma leanas tu do cheannard, gabhair a stigh do riochd fhlathanais thu, a’ dealradh fo chrùn glòrach do bhuadh. Nuair a chi thu dealbh na h-òighe beannaichte Moire, tairg do chridhe do mhàthair na tròcaire sin, is biodh aighear ort maille rith’ airson is gu ’n d’ rinn i riamh toil Dè gun fhàillinn: airson is gu ’n d’ rug i ar Slànair, is gu ’n d’ àraich i le bainne fhein e. An aon fhacal thoir tàing dhi airson a chomhnaidh a tha i a’ toirt dhaibhse uile a dh’ iarras e nan gleachd ri namhaid chlann-daoine. Nuair a chi thu iomhaighean nan naomh, cuimhnichidh tu air na gaisgich threubhach sin Chriost’, a gleachd gu cruadalach gu ruig am bàs, ’sa dh’ fhàg slighe nan dèigh, air a’ faod thu imeachd, ma tha sùil agad ri pàirt na’n glòir. Nuair a chluinneas tu a’ clag an seinn tri chuairt airson fàilt an aingil, faoda’ tu beagan smaoineachaidh a dhianamh air na facail a tha dol ro ’n h-uile beannachadh Moire. A’ chiad uair, thoir tàing do Dhia airson na teachdaireachd ghlòrmhor so a chuir e dh’ ionnsuidh Mhoire, rud bu chiad tùs do gniomh mòr ar sàbhalaidh. An ath uair dian co-aoibhneas ri Moire airson na h-àrd inbhe gus na thog Dia i airson a mòr umhlachd. An treas uair thoir aoradh do ’n fhacal a tha nis air gabhail colunn daonda.—An dèis sin thoir an onair iomchuid dha Mhàthair naoimh, is do ’n aingeal Ghàbriel. Gach uair dhiu sin, gu h-àraidh an uair mu dheireadh, bhitheadh e iomchuidh ar ceann a chromadh mar thuilleadh onair do ’n mhistire mhòir so. O na dh’ fhaodar na gniomhan so dhianamh uair air bith, comharraichidh sinn a mach gniomhan eil’ a bhios nas freagraiche do [TD 64] na tràthan sin, much miadhoin- là, agus anamuch; ach na gniomhan sin uile buinidh do phàis ar Slànair. Ach cha ’n fhaod sinn gun chimhneachadh gu tric air an dòruinn ghoirt a dh’ fhuilig an òigh bheannaichte an àm na pàise. Cha bhiodh ann ach fior mhi-thàingealachd dearmad a dhianamh air so. Mu oidhche cuimhnich, gu ’m bu ghoirt cràiteach a bha cridhe mu fhallus fala mic Iosa, mu ghlacail ’sa ghàrradh, is gu’m bu trom tiomhaidh thug i an oidhche ud. Much dian co-chaoidh maille rithe na dòruinn, i faicinn a mic ghràdhaich ga tharruing gu Piolaid, is gu Herod, air a dhìte’ gu bàs, a’ giùlan uallach trom na croise gus an t-àite an rachadh a cheusadh. Mu miadhoin-là smaoinich air a chlaidheamh gheur a lot cridhe na màthar brònaich so, si faicinn a mic ga cheusadh, a’ tilgeadh na h-analach, ’san t-sleagh ga sàthadh na thaobh. Faodar na smaointean diadhaidh so mu bhròn na h-òighe beannacht’ a leanail, o anamuch dihaoine gu miaduinn disathurna; ach na smaointean roimhe sin faodar an toirt fonear laithean eile. Ach an dèigh sin uile lean cràbhadh do chridhe fein, air rèir is mar a ghluaisear thu le d’ cheudan air a leth-amach. Am beagan bhriathran, an dòigh a ’s fhearr air na ceudan corporra a chur fo riaghailt, ’se so, gu rian thu iad ann an seòl is nach leig thu le gaol no fuath air nichean talmhaidh drùghadh air do chride, ach air rèir ’s mar a sheòlas toil Dè thu gu gaol no fuath thoirt do gach ni thig ad làthair. A thaobh na seòlaichean lionor a thug mi seachad gu rian a chur air do cheudan, thoir an aire nach b’ e mo bheachd idir gu ’n dianadh tu t’ aona gniomh deth so; bu chòir ga d’ chridhe a bhith mar is trice a steach, agus a’smaoineachadh [TD 65] air Dia; do gnothach mòr ’se cath an taobh-stigh, a’ cur smachd air t’ ana-miannan, ’sa cur, an gniomh nan subhailcean a tha nan aghaidh. An aon rud a bha ’m mhiann, ’se gu ’n gabhadh tu na seòlaichean so air àmaibh iomchuidh. Oir cha ’n ruigear a leas a bhith an dùil, gu ’n d’ thèidear fad air àdhart ann a’ naomhachd le iomada crábhadh: rud, ge math ann fhein, a dh’ fhaodar a mhi-gnàthachadh, air dòigh is gu ’n cuir e an inntinn ma dh’ fhaoidte fo bhruaillean, gu ’m miadaich e fhein-spèis, is neo-chunbhalachd; am fosladh mar sin dorus do dh’ ionnrachdan an deomhan. XXIV. CAIB. Mar is còir strian a chur ris an teangaidh. FEUMAIDH sinn a bhith fhaicilleach air ar teangaidh, a thaobh is gu bheil dèidh mhòr againn air labhairt air gach ni a tha miannach le ’r cridhe. ’Se gnè phròis is màthair aobhair do ’n ghiomh so, a bhios a’ cur am fiachan dhuinn gu bheil sinn nas mua fiosrachadh na tha sinn, agus mar sin làn bòsd as ar n-eòlas fhein, tha sinn ga leigeil a mach gu ro-dheònach, an dùil gu bheil sinn a toirt barrachd air feadhainn eil’ ann an conaltradh, is gu ’m bu chòir do ’n chuideachd’ uile èisdeachd ruinne. Is duilich innse a liuthad peacadh a tha tighinn o ’n ghiomh mhollaichte so. A’ dh’ aon fhacal faodar a radh, gu bheileas a’ call mòran tìme leis, gur comhara cinnteach e air aineolas, agus air gòraich: gu bheil sgainnir is briagan am bichiontas na lòrg, gu ’m beil e fuarachadh teas cràbhaidh, an neartachadh ar ana-miannan ’sa cleachdadh na teanga ri càinnt aotrom agus dhiomhain. [TD 66] Gus an giomh so a leigheas, so na comhairlean a bheirinn seachad. Na dian mòran bruidhne ri dà sheòrsa dhaoine, riusan nach ’eil a’ gabhail ach beag suim dhe t’ sheanchas, eagal gu ’n cuir thu seirbhe orra, no riusan a dh’ èisdeas riut gu deònach, eagal càinnt mhicheadach bristeadh a mach uat. Na biodh do bhruidhean àrd no urrasach; oir tha a h-uile cuid dhiu searbh ri èisdeachd, is nan comhara air pròis is air ladarnas. Na labhair uair ’sa bith ort fein, no air do chàirdean, no air gnothach air bith a rinn thu fhein, nas lagha na bhios fior riatanas air, agus an sin fhein biodh e ann an ro-bheagan bhriathran, agus le mòran stuamachd. Ma thachras tu air duine a bhios a’ labhairt air fein, na seall sios air, is na dian atharrais, ge b’ ann gu fhàillinnean fhein a shoilleireachadh, agus gu mhasladh a bhiodh brìgh a sheanchais. Air do choimhearsnach is air a gnothaichean na labhair ach ainmig, nas lagha na bhios dea-chothrom agad air rud-eiginn a chantuinn gu chliù. Labhair gu ro-dheònach air Dia, ’s air miad a ghràidh dhuinn; ach eagal nach aithne dhut labhairt air san dòigh cheirt, èisd ri feadhainn eil’ air air a’ phuinc sin, agus cum gu math ad chuimhne na chluinneas tu. A thaobh seanchais shaoghalta, ma thig e gu d’ chluasan, na leig leis drùghadh air do chridhe, agus ma ’s fheudar dhut èisdeachd gu freagradh thoirt seachad, tog an dràsd’ agus rìs do chridhe ri Dia, a tha ann a’ flathanas, is a tha le sùil fhial ag amharc ortsa, ge creutair suarach.—Cothromaich gu math do bhriathran mun leig thu leo tighinn a mach o d’ bhilibh. Is beachdnaich gu math air an rud a tha thu dol a chantuinn, oir is cinnteach an gnothach gu ’n abair thu tuilleadh ’sa chòir: agus nuair a ni thu suas [TD 67] ann ad inntinn an rud a tha thu dol a chantuinn, faoda’ tu beagan a sgathadh dheth, oir chi thu an dèigh laimh gu ’n duirt thu tuille ’sa chòir. Tha tosdachd ro-fheumail anns a’ chath spioradail, agus an fheadhainn a chleachdas i, faodaidh iad a bhith cinnteach a buaidh; oir tha na daoine tosdach am bichiontas an-earbsach asda fhein, earbsach a Dia, dèidheil air urnaigh, agus tioma air subhailcean a chleachdadh. Gus gu ’n d’ thugadh tu spèis do thosdachd, smaoinich air na buadhan àluinn a th’ aig an t-subhailc sin, agus na h-uilc gun aireamh a tha ’n cois a’ ghiomh a tha na h-aghaidh. A bharr air sin, ma ’s math leat thu fhein a thoirt gu beagan bhriathran, fuirich sàmhach an nuair a tha cead agad labhairt, nas lagha na thig sin gu dolaidh dhut fhein no do ’n atharrach.—Seachuinn daonnan càinnt gun mhath: dian cuideachda do Dhia, do na h-ainglibh, is do na naoimh a raghuinn air daoine. An aon fhacal, ma bhios an cogadh mòr a ghabh thu fos laimh a’ tighinn fonear dhut, is gann a gheobh thu ùin’ air t’ anail a tharruing, agus is lagha na sin a dh’ fhaodas tu a’ bheag dhe d’ thìm a thilgeadh air folbh ann an seanchas faoin gòrach. XXV. CAIB. Gu feum saighdear Iosa Chriost’, a tha an geall dol ri aodan a naimhdean, agus buaidh a thoirt orra, gach ni a sheachnadh cho math ’sa dh’ fhaodas e, a chuireas furban air inntinn. GACH uair a chailleas sinn sìth ar n-inntinn feumaidh sinn a h-uile saothair a gabhail gus a gleidheadh air ais; ach a dh’ aon rud a dh’ fhaodas tachairt, cha ’n urruinear a call gu bràch na luasgadh, ach le ’r coire fhein. Tha e cinn- [TD 68] teach gu feum mulad a bhith oirnn airson ar peacannan, ach is mulad sèimh cuibheasach a dh’ fheumas a bhith an sin, mar a thuirt mi gu tric. Bu chòir dhuinn truas a gabhail ris na peacaich gu lèir, agus an sgrios shiorruidh a chumha nar cridheachan. Ach bu chòir do ’n bhròn so a bhith saor o ’n h-uile furban is buaireadh, mar rud a tha tighinn o ’n fhìor charrannachd. Na h-uilc lionor sin a tha lòrg na beatha so, mar tha easlaintean, lotan, bàs chàirdean is dhàimhich, plàighean, cogadh, losgadh, ’sa dosgainean mar sin, o bheil daoine a’ teicheadh mar o rudan a tha an aghaidh an nàdair, a tha daonnan gràineach air fulangas: na h-uilc sin uile, tha mi radh, faodar le comhnadh ghràsan Dè ghlacail, cha’n ann amhàin le cridhe striochte, ach le toil-inntinn; le sinn a shealltuinn orra mar bhreitheanas fallain do na peacaich, no mar aobhar buannachd shiorruidh do na daoine matha. Airson an dà reusoin sin, ’si toil an Athair shiorruidh trioblaidean a thilgeadh nar rathad. Ach is cinnteach an gnothach, fhad ’sa bhios ar cridhe leagte ri toil Dè, nach urruinn na diachuinnean a’s cruaidhe sìth ar n-inntinn a ghluasad. A thuilleadh air sin, tha h-uile bruaillean inntinn ro-mhi-thaitneach do Dhia; oir a dh’ aon taobh ge d’ thig e tha e daonnan peacach, mar rud tha ’g èirigh o ghrunnd salach, ar spèis dhinn fhein. Ime sin, fiach am faic thu ro’ laimh na buairidhean a tha coltach tachairt ort, agus dian deas airson an giùlan le faighidin. Thoir an aire nach ’eil ann an uilc na beathasa, air an truimead an sùilean dhaoine, ach faileis, a chionn nach urruinn daibh maoin fhìrinneach a thoirt uainn: is gu bheil Dia gan òrduchadh, is gan leigeil air adhart airson na reusoin a thuirt mi, [TD 69] no airson reusoin mhath’ eile nach lèir dhuinne, ach a tha fior cheart. Thig e gu mòran stà dhut t’ inntinn a chumail socrach mar so a’ miasg uile thrioblaidean na beathasa; ach gun an t-sìth so thig do dhleasnasan cràbhaidh gu neoni: gun tighinn air a mhiad ’sa tha bruaillean gad nochdadh ri buaireadh an namhud, gun chomas agad aire slighe chinntich dhìrich nan subhailcean fhaicinn. Tha an deomhan a’ dol gu dhichioll, fiach a’ fuadaich e sìth o d’ chridhe, ’sgur math a tha brath aige gur ann an sìth a mhàin a thuineas Dia, is gur ann an ionad na sìth a tha e dianamh a mhiarailtean a ’s mua. Leis a sin tha sàtan a’ fiachuinn ris a h-uile dòigh air a bristeadh; gus ar mealladh, cha sheachuinn e gniomhan air a bheil dea-choltas a chur nar chridhe, ach a tha fada o bhith na nàdar mar sin, mar tha rèidh ri thuigsinn, ach gu h-araid o ’n luasgan a chuireas iad air sìth ar n-inntinn. Mar leigheas air olc cho cunnartach, nuair a chuireas an namhaid gnothach ùr ’sa bith nar ceann, thugamaid an aire, nach bi sinn mua’s deas gus a leigeil a stigh nar cridhe; an toiseach caisgemid buathadh ar nàdair, a tha ’g èirigh o fein-speis, an sin cuiremid an gnothach air bhialaobh Dè, a’ griosad air gu dùrachdach gu fiachadh e dhuinn co dhiu a tha an gnothach a’ tighinn uaithe fhein no o ’n namhaid; agus gus a bhith nas cinntiche ’sa chùis, bu chòir dhuinn comhairle ar cinn-iuil a shireadh. Is ge do bhithemid tur cinnteach gur an o’n Spiorad Naomh fein a thàing an gnothach, cha bu chòir dhuinn a dhianamh gus an caisg sinn ar ro-bhraise gu chur an cèill: oir an dèis a’ chiosnachaidh so oirnn fhein, bithidh an obair mòran nas taitniche do Dhia, na bhiodh i le cur air adhart le roileasg; [TD 70] is iomadh uair tha an claoidh so oirnn fein nas luachaire am fianuis Dè nan tùrn fhein. Mar so a’ cur air chùl a h-uile droch ghluasad, agus an smachdachadh brais’ ar nàdair mun dian sinn rudan matha fein, faodaidh sinn mòr shìth a ghleidheadh nar chridheachan. Mar an ciadna tha e iomchuidh diù dhianamh do sheòrsa campair-inntinn a dh’ èireas nar cridhe, a tha tighinn a bhrìgh coltais o Dhia, as leth an agairt cogais a tha na chois airson a pheacaidh, ach ga rìreamh san o pratan shàtain a tha e cinneachadh; mar is furasda chomhdach mar so; ma bheir a leithid so do dhorran sinn gu barrachd umhlachd, ma leasaicheas e air càil gu beirtean matha dhianamh, ma miadaicheas e ar dòchas an Dia, is còir dhuinn a ghlacail le buidheachas, mar thiodhlac a flathanas; ach ma thogas e sinn gu furban, ma laghdaicheas e ar misneach, ma dh’ fhàgas e leisg, mèirgeach, neo-shanntach, sinn nar dleasnas, faodaidh sinn a thuigsinn gur h-ann o cheilg an namhud a tha e, is gur còir a leigeadh seachad gun an t-suim a ’s lagha ghabhail dheth. Rud eile, is tha e tachairt gu tric, gur iad uilc na beatha so a tha gar cur fo smùirean; ach mar leigheas air so tha dà rud ri dhianamh; seall an toiseach ciod a thig as na h-uilc sin, an e ar spèis do choimhlionachd, no ’n i ar spèis dhinn fhein a chuireas iad air chùl: Ma ’si ar spèis dhinn fhein, ar namhaid a ’s mua, cha ’n ’eil fà gearain againn, ach aobhar toil-inntinn is buidheachais, mar thiodhlaicean a tha Dia a buileachadh oirnn. Ach ma tha iad ag iarraidh ar tilgeadh a slighe na coimhlionachd, no gràin a thoirt duinn air subhailcean, cha ’n fhaod sinn airson sin dol gu droch mhisnich, no siochaint ar n-inntinn a chall, mar a chitear an dèigh so. [TD 71] An ath leigheas, ’se ar n-intinn a thogail suas ri Dia, agus furan, gun seachnadh air ni, a chur air gach rud a dh’ òrduicheas esan; a’ creidsinn gu daingean nach ’eil crois a luthaigeas e thighinn oirnn, nach tionndaìdh a mach nan aobhair bheannachdan gun àirimh dhuinn; mur bi an fhàillinn againn fhein, le cion eòlais air an tarruing gus a’ bhuannachd a ’s mua dhuinn. XXVI. CAIB. Ciod a th’ againn ri dhianamh nuair a thèid ar lot anns a’ chath spioradail. NUAIR a bheir thu an aire gun deach do lot, ’se sin gu na thuit thu ann am peacadh air bith, co dhiu ’s ann le failmse, no le comhairle shuidhichte, no le fior drochmheinn, na tuiteadh t’ inntinn ro fhada; is na toir thu fhein seachad do chambar-inntinn is do leann-dubh: ach tog t’ intinn suas ri Dia, is abair le earbsa mhòir is le cridhe iriosal; ’s ann a nis a tha mi a’ tuigsinn, o mo Dhia, gur neoni mi fein; oir ciod eile, ach peacadh is aimideachd a tha ri shàmhlachadh ri m’ leithid do chreutair dall truagh mar tha mise? Lean a’ smaoineachadh so gus thu fhein umhlachadh nas mua, agus gu do bròn a leasachadh airson do pheacaidh. An sin le inntinn ro-shocraich thoir gràin do chridhe do na h-ana-miannan sin a’s mua a tha streapa’ riut, gu h-àraid an giomh sin a thug ort tuiteam: ag radh, a Thighearna, de an t-olc nach dianuinn, mur d’ thigeadh do mhòr mhathas gam chomhnadh. An sin thoir mìle tàing do dh’ Athair na tròcaire, a tha cho fad o gabhail gu h-olc an tàir a thug thu dha is gur h-ann a tha e a’ sìneadh a [TD 72] lamh a mach ad choinnimh, eagal gu’n tuit thu ’sa chionta chiadna rithist. An aon fhacal, le cridhe làn earbsa as, abair; fiach dhomh, o mo Dhia, co thu, fiach do chridhe iriosal do mhòr thròcair, math dhomh mo pheacadh; na leig air seachran uat fhein mi; neartaich mi le d’ ghràsan ann a’ rathad is nach toir mi tàir dhut tuilleadh. An dèis so a’ dhianamh, na cuir thu fhein gu furban, a dh’ fhaighinn a mach co dhiu thug no nach tug Dia dhut mathanas: rud a bhiodh na obair fhaoin, is na chall tìme, ’sa tighinn o àrdan no o fhoill an deomhain, a tha ’g iarraidh do chur fo bhruaillean le lethid sin do leithgeulan. An àite sìn, earb thu fein ri iochd Dè, agus lean air na dleasnasan a tha thu cleachdadh, a chearta cho socrach is ged nach èireadh dhut beud. Ge do thachradh dhut tuiteam iomadaidh uair anns an latha, na càill an dèis sin an dòchas a ’s còir dhut a bhith agad ann an Dia, ach lean an seòladh a thug mi dhut agus an dèis dhut tuiteam an ath uair, an treas uair, no nas trice, leasaich a h-uile h-uair do gràin ort fein, t’ fhuath air a’ pheacadh, is biodh t’ fhaicill ort fhein nas mua is nas mua. Cuiridh so an namhaid na breislich, a thaobh ’sgur taitneach le Dia e; agus is aobhar nàire e do ’n deomhan, gu ’m biodh e air a mhaslachadh le neach air an d’ thug e cho tric buaidh; agus air an aobhar sin bheir a h-uile h-ionnsuidh a ’s urr’ e, fiach an cuir e as do gabhail thu, rud a tha tric a dol leis, nuair a thachras air daoine nach ’eil tur faicleach air gluasadan an cridhe fein. Ach mar is mua a bhios do dhiachuinn anns a’ chùis so, ’s ann is mua dh’ fheumas tu dol gu d’ dhichioll gu smachd a chur ort fein. Na foghnadh leat an dleasnas so a dhianamh aon [TD 73] uair, ach cuir an gniomh e gu tric; ged nach biodh ach aona pheacadh ri chur as do leth. Ime sin ma dh’ fhairgheas tu sac trom air t’ inntinn, is do mhisneach am fàillinneachadh, feuma’ tu an toiseach ionnsuidh a thoirt air sìth a shuidheachadh ann ad cridhe fhein, agus do dhòchas a’ bheothachadh ann an Dia, an sin tog t’ inntìnn suas gu flathanas, ach cuimhnich gu bheil am bruaillean a tha air uairibh an lòrg a’ pheacaidh, a’ tighinn, cha ’n ann o mhulad airson an tàir a fhuair Dia, ach o eagal as an diùghaltas a tha feitheamh air an òlc. An dòigh air an t-sìth so, a tha cho taitneach agus cho feumail a chosnadh air ais, ’se gun tuille smaoineachadh air a’ chionta, ach air mòr mhathas Dè, a tha an comhnuidh deas, agus fad an geall air mathanas a thoirt do na peacaich a’s mua, a’ sireadh air a h-uile dòigh an tarruing gus an dleasnas, a snaim gu teann ris fhein, an naomhachadh, ’san toirt gu sonas siorruidh an dèis so. Nuair a bheir na smaointean so, no leithidean eile fois dha d’ chridhe, beachdnaich an sin air miad do chiont’ air an dòigh a dh’ fhiach mi dhut. An aon fhacal, nuair a thig thu gu sàcramaid na faoisid, rud bu math leam thu dhianamh gu tric, thoir ad chuimhne do pheacannan uile, aidich iad gun cheilg dha d’ athair spioradail, ùraich t’ aithreachas air a son, is cuir romhad gun tuiteam tuille. XXVII. CAIB. Na dòighean air a’ bheil an deomhan a’ buaireadh, ’sam mealladh na feadhnach sin a tha an geall air dea-bheusan a leanail, no tha fathast bàite ’sa pheacadh. Is cinnteach an gnothach gu bheil an deomhan [TD 74] an comhnuidh an geall air cur as do chlann-daoine, is gur lionor dòigh a th’ aig’ air sin a dhianamh. Gus roinn dhe innleachadan fhiachuinn dhut, cuiridh sinn mu choinnimh do shùl daoine ann an staidean fos leth ao-coltach ri chèile. Cuid tha an ceangal cho teann an cuibhrichean a’ pheacaidh, ’snach ’eil smaoineachadh aca air a slabhruidhean a bristeadh. Cuid eil’ a tha deònach air iad fhein a shaoradh o sglàmhachd, ach nach ’eil a’ dianamh ni gu sin a chosnadh. Cuid eile tha an dùil gu bheil iad air dea-ghabhail, ach an dèis sin uile ro-fhada uaithe. Feadhainn eile, a dh’ aon fhacal, dèis dhaibh èirigh gus na subhailcean a’s àirde, a’ tuiteam air an ais gu staid nas miosa na bh’ aca roimhe. Fiachaidh sinn fos leth gach seòrsa dhe na daoine sin anns na caibideilibh so a leanas. XXVIII. CAIB. Innleachdan an deomhain gu cur as do ’n fheadhain a thairngeas e an luib a’ pheacaidh. CHA luaithe a chuireas an deomhan neach ann an lion a’ pheacaidh, na bheir e a h-uile h-ionnsuidh air smaontean an duine sin a thionndadh o ’n h-uile ni a bheir a staid fhuathasach anns a’ bheil e am follais dha. Cha ’n fhoghainn leis a h-uile dearrsa soluis a thig a fhlathanas fhuadach, agus smaointean olc a chur nan àite, bheir e ionnsuidh air a smàladh fodha nas fhaide, le cunnartan a thilgeadh na rathad, fiach an tuit e rithist anns a’ choire chiadna, no coire nas miosa. An t-anam, a’ call air an dòigh sin solus fhlathanais, tha e a’ càrnadh suas peacaidh air muin peacaidh, is ga chruadhachadh fhein anns an olc. Mar sin tha e ga luidreadh fhein san eabar, a’ tuiteam o dhorchadas, gu dorchadas, o shloc gu [TD 75] sloc, an sior dhol nas fhaid’ o rathad an t-sàbhalaidh, agus an sior mhìreadh ciont’ air cionta, nas lagha na thèid a thiarnadh le gràsan sonraichhte. An leigheas a ’s freagraiche do’n olc so, ’se aontachadh do ghràsan Dè gun dàil, a bheir o dhorchadas gu solus e, o droch bheirt gu subhailcean; togadh e ghuth gu dùrachdadh, ag radh: A Thigearna dian mo chomhnadh, thoir cobhair dhomh gun dàil! Na leig leam fuireach nas fhaid’ ann an duibhre a’ pheacaidh agus a’ bhàis. An achanaich so, no a leithid eile tha ri chur suas gu tric: agus ma tha e gaireasach dha, bu chòir da ruith gu cheann-iuil gu luath, agus a chomhairle fhaotuinn an aghaidh ionnsuidhean an namhud; agus mur gabh so dianamh, lùbadh e e fein sios aig bonn a chroinn-cheusda, agus cuireadh e achanaich suas ri banrigh fhlathanais, a’ griosad a h-iochd agus a comhnaidh; oir is cinnteach an gnothach gur ann le cruaidh ionnsuidh mar so a’ bheirear buaidh, mar a chitear anns na caibideil a leanas. XXIX. CAIB. Na dòighean leis a bheil an deomhan a’ bacail làn thionndadh na feadhnach sin a tha faicinn staid an cogais fhein, agus a tha rud-eiginn an geall air an caithe-beatha leasachadh, is mar a tha e tachairt gu tric gu bheil am beachd gun b rìgh. THA ’n fheadhainn a tha faicinn staid thruagh an anma, agus a tha ’n geall air a’ chùis a leaghas, air am mealladh gu tric leis an deomhan, a dh’ fhiachas ri thoirt orra chreidsinn gu bheil mòran dhe ’m beatha rompa, agus leis a sin nach ’eil dad do chunnart dàil a chur nan tionndadh. Cuiridh e nan ceann gu bheil an gnothach so ri dhian- [TD 76] amh an toiseach, no chùis lagh’ ud ri chur an darna taobh, no ’n tùrn ad eile ri chur seachad, mum bi iad tur fuasgailte gu caithe-beatha diadhaidh a leantuinn, is gach dleasnas a bhuineas dhi a chur an gniomh gu socrach. Is lionor iad a tha, ’sa bhios a h-uile lath’ air an glacail anns a lion so. Ach faodaidh iad uile gun breug a’ chionta a chur air am mhobhgaid fhein, ann an gnothach cuideachd anns a’ bheil glòir Dè, agus sàbhaladh an anma fhein ri choimhead air. An àite a bhith cantuinn am màireach, am màireach, abradh gach aon dhiu, an diugh, an diugh, is cha ’n e màireach; oir ciamar is urruinn dhomh a bhith cinnteach gu ’m bi mi beò màireach. Is ge do bhithinn cinnteach as, am bu rud e a bhitheadh coltach ri sàbhaladh m’ anma a bhith cur dàil san aithreachas, am bu chomharradh air sireadh bhuadh, a bhith dol an cunnartan lotan ùra. Mar sin, cha ’n ’eil teagamh nach e grad aontachadh do ghairm fhlathanais an aon rathad air a’ ribe so sheachnadh, cho math ris na ribichean a dh’ ainmich mi ’sa chaibideal roimhe so. Le cantuinn grad aontachadh do gràsan fhlathanais, cha bu math leam gu ’n saoilte gur e iarraidh lag, no ionnsuidh fhann gun bhrìgh a bha mi a’ ciallachadh, leis an deach mòran a mealladh; agus fiachar sin leis na reusoin so a leanas. ’Sa chiad-dol-amach, cha’n e neo-earbsa as sinn fhein, is earbsa a Dia is bonn do leithid so do dh’ iarraidh agus do thogradh. Agus an lòrg sin, bithidh an t-anam, a bhios air a shèideadh suas le pròis dhiomhair air a mhealladh cho fad is gu ’n gabh e coltas nan subhailcean an riochd nan subhalcean fhein. An leigheas air an olc so, agus an solus a chi e, feumar fhaotuinn a flathanas o Dhia a tha leigeil dhuinn tuiteam, gus gu [TD 77] ’n tuig sinn air ar cosg, gu bheil an earbsa a tha sinn a’ cur as sinn fhein ri chur air chùl, agus ri suidheachadh ann an gràsan Dè, agus gu bheil eòlas iriosal air ar laigse fhein ri chur an ionad ar n-àrdain uaignich. Mar sin cha ’n urruinn tograichean matha a bhith brìgheil gu bràch, mur bi iad làidir stèidheil; is cha ’n urruinn daibh a bhith làidir stèidheil mur seas iad air neo-earbsa as sinn fhein, is earbsa a Dia. An ath reuson ’se so, nuair a chuireas sinn rud math air bith romhainn’ gur h-ann air maise is air àilleachd nan subhailcean a tha sinn ag amharc, rud a thairngeas na h-inntinnean a ’s laige gu ’n gaol, gun smaoineachadh idir air cho duìlich agus a tha an toirt a mach; mar sin tha cridheachan meat a’ maolachadh air a chiad taideadh a chi iad dhe ’n trioblaid, is teichidh iad o ’n chath spioradail. Air an aobhar sin ’se an strì a tha riatanach gu subhailcean a bhuannachd, is cha ’n iad na subhailcean fhein, a thige’ dhut a thoirt fonear. Amhairc mata air so, is dian thu fhein deas air a shon. Biodh brath agad mar an ciadna, gur h-ann mar a’s mua do mhisneach gad cheannsuchadh fhein, ’sa smachdachadh do naimhdean is luaithe a gheobh thu lamh-an-uachdar air gach cuimrig, gus an caith iad buileach as uidh air n-uidh. An treas reuson ’se so, an ro-dhèidh a th’ againn air ar buannachd fhein a raghuinn air subhailcean ’s air toil Dè: tha so gu tric a’ tachairt dhuinn ri linn sòlais spioradail a thighinn oirnn an àm anshochrach; oir an trà a thrèigeas a h-uile toileachadh saoghalta sinn, tha sinn gu tric a’ cur romhuinn tionndadh ri Dia agus teannadh ri sheirbheis. Ach air chor is nach bi fàillinn ’sa chùis so, thugamaid an aire nach toir sin droch fheum a gràsan fhlathanais; [TD 78] biomaid iriosal sealltuinneach mu na stiùranan math’ a tha sinn a’ cur romhuinn: thugamaid an aire dhuinn fhein o thuille ’sa chòir do theas cràbhaidh, a fhaodadh ar tarruing gu neo-chunbhalach gu bòidean a chur oirnn fhein a bhiodh fos cionn ar neart a choimhlionadh. Ma bhios anshocair gar lèireadh, na h-iarramaid dol nas fhaide na ar crois a ghiùlan mar is còir, is mar rud a thàinig o Dhia, a’ dianamh uail aisde, gun iarraidh air furtachd o ’n t-saoghal so no o fhlathanas fhein. Na biodh iarraidh no tnù againn ri ni ach gu ’n deònaicheadh an t-Athair siorruidh ar neartachadh fo ’n diachuinn anns a bheil sinn, is cur suas gu faighidneach ris a’ h-uile trioblaid eile dheònaicheas a chur nar rathad. XXX. CAIB. Am mearachd anns a’ bheil mòran a tha gan saoilsinn fein ann a’ staid naoimh. GED gheobhte buaidh air an naimhaid na chiad agus na ath ionnsuidh, bheir e dèis sin uil’ an treas diachuinn. Fiachaidh e an toir e oirnn na h-ana-miannan is na giomhan a tha streapa’ ruinn a dhiochuimhneachadh, agus lionaidh e ar ceann le faileasan brèige coimhlionachd, air nach ruig sinn a chaoidh, mar is math tha fios aige. Leis a’ mhealltaireachd so, thatar gar lot gu tric agus gu trom gun smaoineachadh air an leigheas. Tha sinn gar mealladh fein le bhith saoilsinn gur ionann ar gniomh agus ar beachd, a’ saoilsinn le pròis dhiomhair gur naoimh mhòra sinn fhein. Mar sin sa cheart àm nach cuir sinn suas ris an tàmailte no ’n tàir a ’s lagha, tha sinn a’ cur bòsd asuinn fhein mar dhaoine tha deas gu ful- [TD 79] ang nam piantan a ’s cruaidhe; seadh dòruinn a’ phurgadair fhein airson gaoil Dè. So aobhar na doille, sinn a bhith saoilsinn gur ionann aigne agus gniomh, is gur coltach sinne, nach duilig beud, ris an fheadhainn sinn a chaidh ro ’n na diachuinnean bu ghoirte leis an fhaighidin bu mhua. Gus a’ ribe cunnartach so sheachnadh, feumaidh sinn cur romhainn cath is gleachd ris na naimhdean lionor sin aig laimh. Fiachaidh so gu h-ealamh co dhiu tha ar rùn lag no làidir, fìrinneach no meallta: agus gluaisidh sinn mar sin gu coimhlionachd air an t-slighe air an dh’ imich na naoimh. A thaobh na naimhdean sin nach ’eil ach ainmig a’ cur dragh oirnn, cha ruig sinn a leas a bhith fo mhòran curaim mu ’n dèidhinn, nas lagha na shaoileas sinn gu ’n d’ thoir iad ionnsuidh oirnn uair-eiginn. Anns a’ chàs sin tha againn ri dianamh deas air a son, le rùn làidir buaidh a thoirt orra. Ach air a threasad ge cuir sinn romhuinn, na seallamaid air sin mar fhior bhuaidh, ge do dh’ èireadh dhuinn car tamuill subhailcean a chur an gniomh, is dol air adhart greis mhath unnta. Biomaid daonnan iriosal; biodh sùil againn air ar laigse fhein an comhnuidh, agus biodh ar dòchas suidhichte ann an Dia na aonar: iarramaid air gu tric e gar neartachadh ’sa chath, agus ar dion o ’n h-uile gàbhadh, agus gu h-àraidh gu ’m fuadaicheadh e as ar cridhe a h-uile dànadas is uaibhreachas as ar neart fhein. Air an dòigh so faoda’ sinn dìreadh an nàirt gus a’ choimhlionachd a ’s àirde, ged bhiodh giomhan beag’ air uairibh unnainn ’sa fairtlichdinn oirnn; rud a tha toil mhath Dè a’ fàgàil unnainn, gus ar n-umhlachadh, eagal gu ’n caillemid am beagan duais a choisinn ar deagh-oibrichean dhuinn. [TD 80] XXXI. CAIB. Na h-innleachdan a tha an deomhan a’ cleachdadh gus ar tarruing o shlighe nan subhailcean. AN ceathramh dòigh, mar thuirt mi, leis a’ bheil an deomhan a’ mealladh nam feadhnach sin a tha dol air adhart air slighe na coimhlionachd, ’se bhith a’ cur dhleasnasan neo-fhreagrach, ge math unnta fhein, nan ceann; ann am beachd, le toirt orra sgur do chleachadh nan subhailcean iomchuidh, an tarruing uidh air u-uidh gu droch bheusan. Mar shàmplaìr air so, nuair a’ bhios duine tinn a’ cur suas ri anshocair gu faighidneach, cuiridh an namhaid, eagal e thighinn gu cleachdadh na faighidin, mòran do gnothaichean diadhaidh air shùile dha, a dh’ fhaodadh e dhianamh nam biodh a’ shlàinte aige: bheir e air a cheidsinn gur mòr an t-seirbheis anns a’ chàs sin a dh’ fhaodadh e dhianamh do Dhia, dha choimhearsnach, is dha anam fhein. Nuair a choisneas an t-aibhistear cho fad so, is gu fàs an duin’ easlainteach tìtheach air a shlàinte, ’si ath ionnsuidh a dhianamh mi-thoilichte fo aiceid, a tha cur èis air, agus mar is mua dhèidh air a shlàinte, ’s ann is mua chorruich. Cha stad an namhaid an so, tha e ga shior phrosnachadh gu barrachd mi-fhaighidin fo ghalar, air a’ bheil e nis a’ coimhead mar stairnich a tha dol eadar e is na gnothaiche dòchasach sin a ghabh e na cheann, mar rudan ro-thaitneach le Dia. Nuair a choisnear an ceum so, siolaidh na beirtean matha lion beag is beag as inntinn, gun dad fhàgail nan dèigh ach campar-inntinn gun chuibheas, airson nach ’eil e saor o thinneas, maille ri gach olc eile, a tha ’n cois antlachd is mi-fhaighidin. Agus mar sin an àite subhailc na faighidin a chleachdadh, ’s ann a tha ’n giomh a tha na [TD 81] h-agaidh air tuineachadh na h-ionad. Gus a’ bhreisleach so a leigheas, thoir an aire nach gabh thu gnothaichean diadhaidh, air bith fos laimh a bhios neo-fhreagrach do ’n easlaint’ a tha thu fulang; oir, mar tha thu neo-chomasach air an cur an cèill san àm, cha bhiodh sireeadh gu ’n cur an gniomh ach cràdh cridhe. An car a ’s lagha smaoinich nach toir Dia dhut, ann an rathdean diomhair a fhreasdail, no mar pheanas airson do pheacannan, urad do thoileachadh, is gu ’n dianadh tu na h-oibrichehean matha so, is gur fhearr leis t’ fhaicinn leagte ri thoil, agus striochte fa laimh chumhachdaich. Lean an dòigh chiadna an uair a thèid do chumail o bhòrd an Tighearna le comharle t’ athair èisdeachd, no airson reusoin ’sa bith eile. Na biodh mighean ort, leig dhiot do thoil fhein, agus lean toil fhlathanais, ag radh; mur faiceadh Dia, fear rannsachaidh a’ chridhe, fàillinn air chor-eiginn unnamsa, no mi-thàingealachd, cha rachadh mo chumail uaithe mar so. Cliù gu bràch dha ainm, a tha fiachuinn mar so dhomh mo mhi-thàingealachd. Tha mi làn chreidsinn, o mo Thighearna, gur àill leat mi ghiùlan gu faighidneach gach diachuinn a leigeas tu ann am charamh, is nach ’eil thu ag iarraidh a’ bheag ormsa anns gach trioblaid, ach cur suas riu, agus do thoileachadh unnta, is mar sin, gu ’n tairginn dhut cridhe a bhios daonnan leagte ri d’ thoil; ann a’ rathad is gu faodadh e, le thusa a thighinn a gabhail comhnuidh ann, a bith air a lionadh le neart spioradail, is air a thiarnadh o chumhachdan ifrinn, a chuireadh a dhìth ortsa e. O Thighearna, agus a Shlànair, dian do thoil mhath fhein rium. A nis agus a rithist biodh do thoil naomh dhomsa na cùl-taic is na dìdean. Si m’ uile achanaich, gu ’m biodh m’ anam, ’se [TD 82] glan o gach ni mi-thaitneach leatsa, agus sgeadaichte leas gach dea-bheus, uidheamaichte gus thusa a ghlacail, is gus gach ni a dh’ òrduicheas tu a chur an gniomh. Iadsan a leanas gu math na comhairlean so, ge do bheireadh laigse an nàdair, no buaireadh an deomhain gu an gràineachadh air subhailcean, no reobhadh a flathanas fein mar dhiachuinn air an umhlachd, orra fiachuinn ri gnothaichean matha a bhiodh fos cionn an neart, faodaidh iad a bhith cinnteach, gur h-ann gu leas an anma a thionndas a’ chùis a màch, is gu Dia sheirbheiseachadh anns an dòigh is taitniche leis; an ni anns a bheil brìgh na coimhlionachd. Rud eile, nuair a ghabhas tu miadhoinean ’sa bith a tha ceadaichte unnta fhein, agus a chleachd na naoimh, gu aiceid no easlaint’ a leigheas, thoir an aire nach bi thu mua ’s dèidheil no teinntidh air a’ chùis a shoireachadh leat: ach bi làn sthriochte, agus leagte ri toil Dè: oir ciamar a tha fios agadsa, an ann leis na miadhoinean sin, no le miadhoinean eile a ’s eifeachdaiche na iad, leis an àill le Dia do leigheas? Ma ni thu chaochla’ is tu fhein a dh’ fhuilgeas air a shon, oir theagamh nach fhaigh thu an rud air a’ bheil thu cho fad’ an geall; agus is beirt sin a leasaicheas do mhi-fhaighidin, no ged do bhitheadh tu air t’ fhaicill an agaidh mi-fhaighidin, cha bhiodh i ach mèirgeach le ioma giomh, agus mar sin nas lagh mias agus toraidh am fianais Dè. Tha car falachaidh eil’ aig fein-ghaol, nach fhaodar a chleith, is a tha gu tric a’ falach ar fàillinnean oirnn fhein, ge mòr, ge fuathasach unnta fhein iad. An duine, tinn mar gu ’m b’ eadh, a tha làn antlachd fo dhochartas, bheireadh e a chreidsinn ort, gu bheil dea-reuson aige air a bhith mi-fhaighidneach. Their e, nach e [TD 83] mi-fhaighidin bu chòir a chantuinn ri m’ ghearain, ach mulad reusonta airson mo lochdan, air a’ bheil an tinneas na dhiùghaltas: no their e, gur e an dragh a tha e toirt do dh’ fheadhainn eile a tha cur dorrain air. ’S amhuil dòigh an duine a tha làn do dh’ uaill-mhiann, tha e fo eislean nach ’eil e ’g èirigh gus an inbhe so, no ’n inbhe ud eile; an dèis sin bheireadh e ort a chreidsinn nach e mòrchuis, ach beirtean reusonta a tha ga lèireadh, beirtean a chuireadh e gle shuarach ann an càsan eile. Mar an ciadna tha dòigh an duine thinn, cha luaithe a gheobh e shlàinte, ge bu mhòr a chàs mu dhragh a luchd freasdail, na bhios e cearta coma mu an trioblaid mu chuairt do dh’ fheadhainn eile. Is comhdach soilleir so, nach e fulangas feadhnach eile a bha ga fhàgail mi-fhaighidneach, ach campar-inntinn falachaidh nach ro e a ruighinn air a mhiann. An neach mata leis an àill an dà sgeir so sheachadh, feumaidh e cur roimhe, mar thuirt mi, uile chroisean na beatha so, a dh aon taobh o ’n d’ thig iad, a ghiùlan gu faighidneach. XXXII. CAIB. Foill mu dheireadh shàtain ’se subhailcean fhein a thionndadh gu aobhar peacaidh. O SHUBHAILCEAN fhein tha ’n t-seann nathair a’ gabhail fàth air ar buaireadh. ’Si a dhòigh ar cridhe shèideadh suas le pròis is le tlachd as sinn fhein cho mòr is nach urruinn duinn dol as air glòir dhiomhain. Air an aobhar sin dian strì gun lasachadh, agus neartaich thu fhein le eòlas air do neoneachd. Cuimhnich daonnan gur neoni asad fhein thu, gur creutair gun eòlas, gun gun chomas dad a dhianamh; gu bheil thu làn [TD 84] do pheacadh is do thruaighe, gun toilltinn air ni ach dìteadh siorruidh. Biodh an fhìrinn chudtromach so daonnan mu choinnimh do shùl: biodh i na tiarmunn dhut nach fhaod thu fhàgail a chaoidh: agus ma dh’ èireas pròis na dànadas ad chride, fuadaich uat iad mar naimhdean gàbhaidh a tha ’n geall air cur as dut. Ach ma ’s math leat làn eòlas fhaotuinn ort fhein, lean na seòlaichean so. A h-uil’ h-uair a sheallas tu ort fhein, no air do dhianadas, eadar-dhealaich gu math an rud a bhuineas dhut fein o an rud a bhuineas do Dhia, is ga ghràsan naomh; an sin suidhich do bharail ort fhein, air rèir do chodach fhein. Ma sheallas tu air do chor mu ’n d’ thàin’ thu thun an t-saoghailsa, chi thu gu ’m b’ fhior neoni thu o ’n t-siorruchd, gun an comas a’s lagha air dad a dhianamh a thoilleadh dhut beatha, agus ma gabhas tu beachd air a’ beatha so th’ agad, o mhòr mhathas Dè, ciod a bhitheadh unnad gun a chomhnadh, ciod ach fior neoni? Agus a h-uile mionaid nach tuite’ tu air t’ ais gus an neoni as an d’ thug e thu, mur cumadh a chumhachd daonnan suas thu? Leis a sin is gnothach soilleir, nach fhiach do dhearbh chuid fhein mias uat fein, no idir o fheadhainn eile. Ma thèid amharc ort a thaobh ghràsan is oibrichean matha, cha bhitheadh aobhar uaill agad an dèigh sin. Oir gun chomhnadh fhlathanais càit’ am biodh do thoillteanas, ciod a’ math a b’ urruinn thu dhianamh? Ma sheallas tu nis air aireamh eaglach nam peacannan a rinn thu, no dh’ fhaoda’ tu dhianamh mar teasraigeadh Dia uapa thu, chi thu le coimhead, cha ’n ann air bliadhnachan a mhàin is laithean, ach air ciontan, is droch abhuistean, a thairneas coire air muin coire; chi thu, tha mi radh, gu [TD 85] faodadh do pheacannan a bhith gun aireamh, is do chionta cho trom ri eucoir dheomhan. Thige’ do na smaointean so t’ fhuath ort fhein a leasachadh a h-uile latha, is do thàingealachd do Dhia a mhiadachadh, airson tiodhlaicean a mhòir mhathais; cha’n e bhith toirt a bhuidh riut fhein, rud nach buin dhut. Ach a dh’ aona bhreth ge d’ thoir thu ort fein, thoir an aire gu seas thu aire bonn na fìrinn, gun lùbadh a nun no nall air àilleas glòir dhiomhain. Agus ma tha tuilleadh eòlais agad air do laigse fein, na th’ aig fear a tha air a dhalladh le àrdan, cuimhnich gur tusa is ciontaiche na esan, agus is toilltinniche air dhiùghaltas, ma tha thu sireadh, is an t-eòlas sin agad, gu ’n sealladh an saoghal ort mar naomh. Ach gus gu ’n gleidheadh an t-eòlas so thu o ghlòir dhiomhain, is gu ’n dianadh e taitneach thu do ’n Tì tha na athair is na shàmla do luchd na h-umhlachd; cha ’n leòr dhut barail shuarach a bhith agad ort fein, mar chreutair neo-thoillteanach air math air bith, agus toillteannach air a h-uile h-olc, ach feuma’ tu a bhith deònach air tàir fhaighinn o fheadhainn eile; a bhith fo eagal a moladh, fo aighir a càineadh, agus a’ gabhail a h-uile fàth air thu fhein irisleachadh. Na cuir suim a cainnt dhaoine, an trà bhios tu ris a’ gniomh a’s suaraiche, ach thoir an aire ’sa chàs so, gur i an fhìor umhlachd is grunnd dhut, is nach e pròis is àrdan ceannlaidear, a bhios gad stuigeadh, a dh’ iarras fo chleòc misnich chriostail sealltuinn sios air cainnt dhaoine, ’sa ni neopris dhe ’m breth. Ma dh’ fhiachas neach air bith a’ bheag a thoirt, no spèis dhut, no ma mholas e subhailc ’sa bith a th’ agad, ’sa fhuair thu a flathanas, cuimhnich san uair ort fhein, agus air bonn na firinn agus [TD 86] na còrach a chaidh a nis a shuidheachadh, abair o ghrunnd do chridhe; na leig dhomh, o Thighearna do ghlòir a thoirt dhiot, no chur as mo leth fein a’ rud a bhuineas dha d’ ghràsan naomh gu h-iomlan! Dhutsa gu ’n robh onair agus cliù, dhomhsa tàir agus masladh! A thaobh an neach a bha gad mholadh, abair o ghrunnd do chridhe; de reuson a th’ aig’ an duine so air mise a’ mholadh? de choimhlionachd no math is urruinn e fhaicinn unnamsa? ’Se Dia na aonar a tha math, agus ’siad oibrichean a mhàin a’s fhiach am moladh. Umhlaich thu fhein air an dòigh so, is thoir do Dhia an rud a bhuineas do Dhia.—Gleidhidh so do chridh’ o uaibhreachas, agus ni e comhnadh riut gu gràsan nas mua chosnadh a h-uile latha. Ma thogas cuimhne gnothaich mhath ’sa bith a rinn thu dad a phròis unnad, caisg sin gu luath, le cuimhneachadh gur ann o Dhia thàine na h-oibrichean matha sin, is nach ann uat fhein; is abair le mòran irisleachd, mar gu ’m b’ ann a’ labhairt riu: Cha ’n ’eil fhios agam ciamar a chinnich sibh ann am chridhe, no ciamar a thigeadh rud math air bith o aibheis cho peacach is cho truaillidh. ’Se Dia, is cha ’n e mise, a rinn sibh, ’sa thug gu dea-fhìre sibh. ’S ann airsa bu chòir dhomh coimhead mar ur n-ughdair, ’s ann dhasan a bheir ’s is còir dhomh tàing a thoirt; dhasan tha mi toirt a’ bhuidheachas sin uile, thatar a toirt dhomh fein gu ro-mhicheadach. Thoir an aire san ath àite, gu ’n robh do dhichioll na d’ h-uile ghniomha matha cho fad air ais, ann an co-oibreachadh le neart agus solus nan ghràs a fhuair thu o Dhia, is gur h-ann a a bha giomhan lionor unnta; bha beachd iriosal air chall, sùrd diadhaidh, dichioll an gniomh: mar sin le rannsachadh ceart, thig do ghniomha [TD 87] matha gu aobhair nàire, an àit’ aobhar uaill dhut, le laghad ’sa thug thu dh’ fheum, no theagamh a mhiad ’sa chuir thu an domail do ghràsan lionor Dè. An dèis sin ma chuireas tu do gniomhan fein an coimhearta ri gniomhan nan naomh, gabhaidh tu nàire as an diubras. Ach mar chuireas tu an coimeas iad ri dianadas Mhic Dè, dha ’m b’ aona chrois a bheath’ uile, gun luaidh air uaisle a phearsa, ach cudtrom a dhòruinn, is teas a gràidh gu falang, is fheudar dhut aideach nach d’ rinn, is nach d’ fhuilig thu a bheag coltach risan. Ma thogas tu do shùile suas gu flathanas, is ma ghabhas tu beachd air mòralachd Dè, aig’ a bheil còir air seirbheis gun chuibheas, chi thu nach aobhar uaill, ach eagail dhut t’ oibrichean math’ uile. A dh’ aona gniomh math ge an dian thu, abair daonnan le mòran umhlachd; a Thigharna gabh truas riumsa, am peacach.—(Luc. xviii., 13). Na bi deas gus na tiodhlaicean a thug Dia dhut a thaisbeanadh. Is rud sin nach ’eil am bichontas taitneach leis, mar a dh’ fhiachas an sgeula so. An coltas leinibh thaisbean Iosa Criost’ e fein air lath’ àraidh do bhan-naoimh mhòir. Dh’ iarr ise air am beannachadh Moire chantuinn, rinn e sinn gun dàil; ach stad e an dèis na facal so radh, ’s beannaichte thu miasg nam mnà; an ni a bheire’ cliù dha fein cha b’ àill leis a chur ris. Nuair a chuireadh uig’ e gu gabhail air adhart anns an urnaigh ris na thòisich e, chaidh as an t-sealladh, a’ fàgail an anma bheannaichte sin làn aoibhneis; is na bu mhua mias no roimhe air feumalachd na h-umhlachd leis an leason a dheònuich Iosa thoirt seachad. Thuilleadh air so, ionnsuidh thu fhein irios- [TD 88] leachadh ann ad uile gniomhan, a thaobh is gur fior shàmhla iad air do neoneachd. ’Se so stèidh nan subhailcean air fad. Oir mar a chruthaich Dia ar ciad phàrrantan an toiseach a neoni, ’s amhuil a tha e leanail air a h-uile aitreabh spioradail a thogail air a’ bhonn chiadna, gur neoni sinn as sinn fhein. Mar sin, mar is mua a dh’ islicheas sinn sinn fein, ’s ann is àirde a dh’ èireas ar aitreabh: agus mar is fhaide thèid sinn fodha, ’sa ruigheas sinn grunnd ar neonachd, ’s ann is fhasa do ’n chlaichair naomh an tigh a thogail le clachaibh ceart stèidheil. Drùigheadh mata an fhìrinn so gu domhuin air do chridhe, firinn nach urruinn a chaoidh dol mua ’s fada fodha, agus ’si so, ma tha ni air bith neo-chriochnaichte ann an creutair, gu cinnteach si a laigse agus a thruaighe. O sgoil fhlathanais, a fhàgas sona bhos sinn agus glòrmhor thall! O sholluis àghor, a tha dearrsadh ro ’r neoneachd gus ar n-anam a shoilleireachadh, agus ar n-inntinn a thogail suas ri Dia! O lèig phrìseil, ach dhiomhair, a tha dearrsadh ro’ thruilleachd ar peacannan! O neoni, a bheir dhuinn gach ni le smaoineachadh ort. Is puinc so a dh’ fhaoduinn a leanail gun sgur. Duine air bith a tha ’n geall air urram a thoirt do ’n Tì a’s àirde, cha ’n fhuilear dha sealltuin sios ar fhein, agus a bhith an dèidh air tàir o fheadhuinn eile, umhlaich thu fhein mata, ann an làthair gach duine, tilg thu fhein fo chasaibh an t-saoghail uile, ma thu mhiann ort gu ’m biodh Dia ar a ghlòrachadh unnad agus thusa annsan. Gus thu fein a shnaim risan, seachuinnn a h-uile mòrchuis; oir teichidh e o’n h-uile neach a dh’ àrdaicheas e fein; tagh daonnan an t-àit’ is isle, is tearnaidh e nuas o chathair ghlòrmhoir a chuir fàilt ort le gràdh, aìr rèir do spèis do dh’ [TD 89] umlachd, is do thoil a bhith fo chasaibh an domhain mar an creutair is truaighe air talamh. Nuair tha Dia fein, a dh’ fhàs na dhuine los do dhluthadh ris nas teinne, a’ cur na smaointean iriosal sin ann ad cridhe, cuimhnich am buidheachas mòr is còir a thoirt dha, is sin gu tric. Bi tàingeil cuideachd do ’n fheadhainn a tha leasachadh t’ umhlachd le ’n droch ghiullachd ort, no shaoileas nach urruinn thu tàir fhulang gu faighidneach; thoir tàing dhaibh so uile, tha mi radh, is ni ’sa bith na tugadh ort gearain a dhianamh orra. A dhaindeoin a h-uile comhairle làidir a tha so, ma thogas foill an deomhain, no cion eòlais ort fein, na braise do nàdair, smaointean uaibhreach ann ad chridhe, no toil a bhith fos cionn feadhnach eile, umhlaich thu fein nas mua airson so, mar rud a tha comhdach cho beag ’sa chaidh tu air adhart an dea-bheusan, is cho duilich ’sa tha buaidh a thoirt air buairidhean do’n t-seòrsa sin; is dearbhadh sin air àrdan diomhair. Tionndaidh so am puinsean gu leigheas, agus an t-olc gu math. XXXIII. CAIB. Comhairlean feumail dhaibhsan a tha ’g iarraidh an ana-miannan a chlaoidh, agus na subhailcean a tha riatanach dhaibh a chosnadh. Ge do ’s fhada a lean mi air comhairlean a thoirt dhuit mu na dòighean an claoidh thu t’ ana-miannan, agus an coisinn thu na subhailcean a tha riatanach; tha ioma seòladh eil’ ann a chearta cho feumail ris na leasoin a thugadh seachad. 1. Ma ’s àill leat mata subhailcean bunailteach a thoirt a mach, is làn smachd ort fhein a bhuannachd, na biodh gniomhan do shubhailcean air [TD 90] an roinn, a cleachadh cuid dhiu air an latha so, cuid air lath’ eile, agus mar sin a’ sior chaochla’ bheusan. So an dòigh a thige’ dhuit a leanail: fiach a’ spion thu a mach an toiseach an t-ana-miann sin a ’streasa, ’sa mua a tha cur do dhiachuinn ort, agus dian a h-uile dichioll gus an t-subhailc a tha ’n aghaidh a’ ghiomh sin a thoirt a mach gu ro-bhunailteach; oir nuair a thèid subhailc cho ro-feumail aon uair a bhannachd, cha bhi e duilich càch a thoirt a mach, is gu foghuinn beagan dhe gniomhan uige so. Gun cheisd, tha na subhailcean uil’ an ceangal ri chèile cho teann, is gu bheil iad uil’ aig an neach a tha barraichte na h-aon diu. 2. Na suidhich dhut fein tìm shònraichte gu toirt a mach subhailc àraidh air bith; na h-abair cosgaidh mi an cunntas so a laithean no bhliadnachan ris an subhailc so; ach mar shaighdear ùr, nach faca riamh an namhaid, biodh do sthrì gun lasachadh, gus an rèitich thu an rathad gu coimhlionachd le buaidh shòrraichte. A h-uile mionaid bi toirt ceum air adhart gu flathanas: oir a h-uile h-aon a sheasas, an àit’ analach a leigeil is furtachd fhaighinn, ’s ann a tha e ag call talmhuinn ’sa mhisnich. Nuair a tha mi sireadh ort gabhail daonnan air t’ adhart, ’se beachd a th’ agam, nach fhaod thu a bhith chaoidh am barail gu ’n d’ ràinig thu gus an ceum is àirde do na subhailcean cha mhua a dh’ fheumas tu cothrom ’sa bith a leigeil dhiot air gniomhan shubhailcean a chleachdadh; biodh eagal agad cuideachd ro ’n pheacadh anns na càsan a’s lagha. Gu so a chur an gniomh feuma’ tu a h-uile gnothach a bhuineas dha d’ staid a chur air adhart gu ro-chùramach is gu ro-sgoinneil, agus anns gach càs a h-uile subhailc a chur an gniomh nan làn choimhlionachd. Air an aobhar sin glac [TD 91] gu ro-dheònach a h-uile fàth air dol air adhart ann am foirfeachd is ann an naomhachd; gu h-àraidh ann an càsan deacair; oir is mòr eifeachd gach ionnsuidh do ’n t-seòrsa so gu cleachdadh nan subhailcean a shuidheachadh anns an anam am beagan ùine. Thoir gaol do ’n fheadhainn a chuireas diachuinnean mar so ad charamh, an seachnadh gu ro-chùramach gach ni a bhios cunnartach do gheanmnachd. 3. Bi stuama sealltainneach ann an cleachdadh na subhailcean sin a dh’ fhaodas deireas a dhianamh air do shlàinte: mar tha sgiùrsaichean ro-ghoirt, caitheamh lèinte gaoisid, traisg, caithris urnaighean fada cridhe, is gniomhan aithreachais neo-chunbhalach, ’sa leithidean sin. Oir subhailcean na leth-amach cha ’n fhaodar a chleachdadh mua ’s bras, ach lion beag is beag. Ach a thaobh subhailcean na leth-astigh, mar tha gaol Dè, gràin air an t-saoghal, fuath oirnn fhein, bròn airson ar peacannan, caoimhneas, faighidin, carrannachd dha ’r naimhdean, cha ’n fhaodar strian a chur riu, no seòladh a thoirt seachad dha ’n taobh, is tha an gniomhan uile ri ’n cur an cèill cho math ’s is urra’ e bhith. 4. Biodh t’ ionnsuidh ann ad gnothaichean air fad agus do dhichioll, gu cur as do ’n ghiomh sin ris a’ bheil do sthrì, a’ shealltuinn air a’ bhuaidh sin, mar rud rò-fheumail dhut fein, is fior thaitneach do Dhia. Co dhiu ’s ann a’ gabhail bìdh, na cur ri traisg, ri obair, no d’ thàmh, aig an tigh no uaithe, ri cràbhadh, ri obair shaoghalta, biodh ceannsuchadh a’ phriomh pheacaidh so daonnan ad bheachd, agus an t-subhailc a tha na aghaidh a chosnadh. 5. Biodh gràin agad air gaireas is toil-inntinn na beatha so uile, agus bheir sin bristeadh mòr a ionnsuidhean a’ pheacaidh, is gur h-ann o thoil- [TD 92] eachadh saoghalta a tha ’n neart air fad a’ tighinn. Ach ma tha thu toirt àilleas dhut fein aon rud, nuair a tha thu seachnadh rud eile, ma tha do chogadh an aghaidh aona ghiomh na onrachd, faoda’ tu a bhith cinnteach, ged nach biodh do lotan anns a h-uile càs tur cunnartach, gu ’m bi an cath fein fior chruadalach, agus a’ bhuaidh neo-chinnteach. Ime sin biodh na briathran so an sgriobtuir naoimh daonnan mu choinneamh do shùl: An neach leis an toil a bheatha, caillidh e i, agus an neach a bheir fuath dha bheatha anns an t-saoghal so, gleidhidh e i gu beatha shiorruidh. (Eoin xii. 25.) A bhrathre cha ’n ’eil sinn fo fhiachan do ’n fheoil, gu ’n caithemid ar beatha air rèir na feòla, oir ma chaitheas sibh ur beatha air rèir na feola, gheobh sibh bàs, ach ma chlaoidheas sibh leis a’ spiorad gniomhan na feòla, bios sibh beo. (Rom. viii. 12.) 6. Sguiridh mi le comhairle thoirt seachad a tha anabarrach feumail, mar ’eil tur riatanach dhut, agus ’si sin, gu ’n aidicheadh tu peacannan do bheatha uil’ ann an aon fhaoisid chumanta, mar bharrantas cinnteach dhut gu ’n d’ rinn thu sìth ri Dia, fuaran nan uile gràs, ughdair nam buadh, agus fear riarachaidh chrùn ghlòrmhor. XXXIV. CAIB. ’S ann uidh air n-uidh is lion tè is tè a’ bheirear a mach subhailcean. GE do thigeadh do sheirbheiseach Iosa Chriosta, a tha cur roimh’àrd choimhlionachd a chosnadh, dol air adhart gun sòradh ann an naomhachd, deis sin uile bu chòir do reuson strian a chur ri tuille ’sa chòir do theas cràbhaidh, a dh’ fhairgheas a h-uile ni furasda an toiseach, ach a tha an cun- [TD 93] nart fuarachadh, is dol as gu buileach mu dheireadh. Leis a sin is còir dhut a thoirt fonear, gu bheil subhailcean na leth-astigh fhein, cho math ri subhailcean na leth-amach, mar chaidh innse, ri ’n cosnadh, uidh air n-uidh. ’S ann mar so a tha stèidh na diadhachd chunbhalaich bhuain ri suibheachadh, is an ùine ghearr faodaidh sinn a bhith an earbsa dol fad’ air adhart. A toirt a mach na faighidin mar gu ’m b’eadh, cha d’ thigeadh dhut ’sa chiad-dol-mach, sireadh gu croisean, is gu toileachadh a ghabhail unnta, ach riaraich thu fhein an toiseach leis a’ cheum a ’s isle dhe ’n t-subhailc mhòir so. Air a bhonn chiadna na h-iarr griam a dhianamh air a h-uile subhailc, no mòran shubhailcean a bhith agad comhla, ach thoir ionnsuidh air aon subhailc an toiseach, agus an sin air subhailc eile, ma ’s math leat cleachdanan matha fhriamhachadh ann ad t’ annam. Oir le h-aon subhailc a ghabhail fos laimh, is do smaointean a leagadh oirre an comhnuidh, bios do mheamhair làn dhith, chi do thuigse le solus nan ghràs miadhoinean ùra is reusoin nas treasa gus a cosnadh, agus gluaisear do thoil gus am barrachd saothair air a tòir. Rud nach dual tachairt, ma bhios na tri buadhan so sgapte gach rathad. A tuilleadh air sin, nuair a bhios na gniomha, a tha riatanach gus an t-subhailc àraidh so a chosnadh, a dol uile a dh’ aon rathad, agus a cuideachadh a chèile, tha na gniomhan a’ fàs nas fhusa, is bheir neart aona gniomh càil dha d’ chridhe gus an t-ath gniomh a dhianamh. Tuigidh tu so nas fhearr ma bheir thu an aire, gu bheil a’ fear a tha strì ri h-aon subhailc, a’ cosnadh, na dhol air adhart càil-eiginn anns a h-uile subhailc, is gu bheil toirt a mach a h-aon gu ro-bhunailteach a togail neach gu inbhe àird [TD 94] anns na subhailcean uile; is gur ionann iad is gathan na grèine nach gabh dealachadh o chèile. XXXV. CAIB. Na miadhoinean a tha freagrach gu toirt a mach shubhailcean, is mar is còir grathunn a thoiri air aon subhailc. A BHARR air na thuirt mi, tha so ri chantuinn fhathast, gu feum an neach a tha strì ri naomhachd stèidheil a chosnadh, a’ bhith anabarrach cruadalach, agus toileach air dol air adhart ann gnothach far a’ bheil cho liuthad stairneach is cuimrig na rathad. A thuilleadh air sin cha ’n fhuilear dha spèis mhòr a bhith aige do subhailcean; rud a choisnear le smaoineachadh air cho taitneach is a tha subhailcean do Dhia, cho dealbhach unnta fhein, cho feumail do mhac-an-duine, is gur ann unnta a tha choimhlionachd chriostail uile a’ tòiseachadh ’sa criochnachadh. Thigeadh e gu mòran stà dha cuideacheahd na cuireadh e roimhe a h-uile maduinn an ceuman a leanail na dhianadas air fad rè latha, agus na rannsuicheadh e gu tric ciamar a lean a mach am beachd so na gniomh, a’ cur roimhe dol gu barrrchd dichill. Ach an rud a tha mu ’g innse an so, buinidh nas ro-àraidh do ’n t-subhailc air a bheil sinn an toir, agus a ’s fheumaiche dhuinn. Gus an t-subhailc so thoirt a mach, bu chòir na dea-smaintean a thig o shàmhla caithe-beatha nan naomh, o meadhrachadh beatha agus bàs ar Slànair a bhith nan aobhar prosnachaidh dhuinn, is gur nichean sin a ’s mòr eifeachd anns a’ chath spioradail.—Leanamaid cleachdadh nan subhailcean o ’n leth-amach, ann a’ rathad is gu fairich sinn ar triall cho socrach agus cho aoibhinn unnta, is a [TD 95] bha ar ceuman roimhe a’ gluasad an lòrg ar nàdair thruaillidh. Agus ’s iad na gniomhan a ’s mua a’ chlaoidheas e a ’s fhearr, mar thuirt mi cheana, gu cleachdadh nan subhailcean a shuidheachadh anns an anam. Gu so cuideachd thigeadh e gu mòran stà dhuinn, a bith luaidh no smaoineachadh le mòran suim air puincean freagrach o ’n sgriobtur naomh. An lòrg sin bu chòir dhuinn cothional a bhith againn do na facail sin a ’s sgèithte ris an t-subhailc a tha sinn a sireadh. Agus feum a dhianamh dhiu gu tric rè latha, gu h-araid an adhaidh ionnsuidhean ar priomh pheacaidh.—An fheadhainn a tha strì ri ciuine no faighidin a thoirt a mach, faodaidh iad na puincean so no lethbhreac a chantuinn. Cuir suas gu faighidneach ri feirg Dè, a tha tighinn ort mar dhiùghaltas airson do pheacannan, (Bar. iv., 25).—Faighidin nam bochd cha tèid a’ mùthadh, is cha chaill i duais. Is fhearr an duine faighidneach na ’n duine làidir, agus esan a riaghlas inntinn na fear a sgriosas bailtean, (Gna. xvi., 32). Na ’r faighidin sealbhaichidh sibh ur n-anam, (Luc. xxi., 13). Na h-achanaichean so no leithidean eile faodar a chleachdadh. O mo Dhia, cuin a bhios airm na fhaighidin orm mar sgèith air nach drùigh saighdean mo namhud? Cuin a bhios mo ghaol dhut cho teth, is gu ’n gabh mi toil-inntinn as a h-uile trioblaid a dheònaicheas tu leigeadh am rathad? O bheatha m’ anma, nach tòisich mi idir air a bhith beo dhutsa ad aonar, làn striochte ris a h-uile h-anshocair? O nach bu mhi an duine sona, nam bithinn, ’smi fo dhiachuinn na trioblaid, an geall a bhith air mo chaitheamh ann ad sheirbheis? Biodh urnaighean mar so air an cur suas gu [TD 96] tric, air rèir ’s mar a ghluaiseas ar cràbhadh sinn, agus mar a dh’ fheumas ar dol air adhart ann an subhailcean. Ri lethid so do dh’ achanaich theirear saighdichean cridhe; oir mar shaighdean teine tha iad a leum suas do fhlathanas, a toirt leo ar cridhe, agus ga bhàthadh ann am mathas Dè; ma ses gu ’m bi an dà sgeith so aca; an chiad sgiath, ’se creidsinn gu làidir, gur ro-ionmhuinn le Dia bhith faicinn ar strì a toirt a mach shubhailcean; an ath sgiath, ’se dèidh mhòr air subhailcean a chosnadh na làn choimhlionachd, ann am beachd esan a mhàin a thoileachadh. XXXVI. CAIB. Gu bheil subhailcean ag iarraidh an sior chleachdadh. Do ’n h-uile ni a tha riatanach gu subhailcean criostail a chosnadh, an rud anns a’ bheil suim ar gnothaich an dràsd’, ’se dèidh làidir air dol air adhart an comhnuidh miadhoin a ’s mua càil; oir tilgidh an stad a ’s lagha air ais sinn. ’Sa mhionaid anns a’ sguir sinn do chur air adhart gniomhan nan subhailcean, togaidh ar nàdar, a tha daonnan an geall air socair is toileachadh dha fein, droch ghluasadan unnainn, a mhilleas no mheathas gu mòr ar cleachdannan matha, gun tighinn air na gràsan lionor tha sinn a’ call le ’r mobhgaid, a dh’ fhaodamaid a chosnadh, na leanamaid ar buille a’ dol air adhart an naomhachd. Tha an diubhar so eadar astar spioradail agus astar talmhuidh. San astar thalmhuidh faodar stad gun dol air ais: is ni anail comhnadh ruinn cuideachd gu toirt a mach ar ceann uidhe; ach anns an t-slighe gu coimhlionachd, mar is fhaide thèid sinn air adhart, ’s ann is treasa dh’ fhàsas sinn. An reuson th’ air sin ’se so, mar is fhaide [TD 97] thèid sinn air adhart an coimhlionachd, ’s ann is laige ’sa h-uile ceum a dh’ fhàsas ar n-ana-miannan, a tha tilgeadh a h-uile cuimrig nar rathad do fhlathanas; air an laimh eile, ’s ann an treasad a thèid ar togra’ diadhaidh (friamh nan subhailcean) mar is mua ghabhas sinn air adhart. Mar sin, air rèir is mar a dh’ fhàsas sinn diadhaidh, laghdaichidh na cuimrigean a bha cur grabaidh oirnn an toiseach, agus èiridh toil-inntinn àraidh nar cridheachan, leis am beil Dia am miasgadh sòlais feadh thrioblaidean na beatha so. Ann an rathad is gu ’n gluais sinn o shubhailc gu subhailc, gus an ruig sinn mullach na beinne, ’se sin àirde na coimhlionachd: ionad an àigh, far an teann an t-anam ri subhailcean a chleachdadh, cha ’n ann a mhàin gun èislean, ach le mòr èibhneas: a chionn is gu bheil e, dèis buaidh a thoirt air ana-miannan, air an t-saoghal, ’s air fhein, beo ann an Dia, agus troimhsan am miasg ànraidh gach là mealtuinn sìth gun bhruaillean. XXXVII. CAIB. O ’n tha subhailcean daonnan ri ’n cleachdadh, tha h-uile fàth air an cur an gniomh ri ghlacail. CHAIDH innse martha gu ’m feum sinn gluasad gach là gun stad air slighe na coimhlionachd.—Ime sin, bi air t’ fhaicill nach leig thu dhiot cothrom ’sa bith air subhailcean a chleachdadh. Thoir an aire nach seachuinn thu, mar tha mòran a’ dianamh, ni sam bith a bhios an aghaidh do nàdair choirbhte, a thaobh ’s gur h-ann le gleachd na aghaidh a ruigeas sinn air na subhailcean a ’s àirde. Ma ’s àill leat, air rèir an t-sàmhla thugadh [TD 98] seachad, subhailc na faighidin a bhuannachd. Na seachuinn uair air bith na daoine, no na gnothaichean, no na smaointean fein a ’s mua tha gad ghluasad gu mi-fhaighidin: an àite sin cleachd thu fein ri bhruidhean ris an fheadhainn a ’s lagh’ ort. Bi toileach an comhnuidh air gach càs a ’s cruaidhe na chèile fhulang. Oir rathad eile cha ’n ’eil ann air faighidin ionnsuchach. Ma tha gnothach ’sa bith a’ cur seirbhe ort, co dhiu ’s ann a thaobh nàdair a’ gniomh fein, no na feadhnach a tha ga chur mu d’ choinneamh, no airson gu bheil e gad tharruing o rud-eiginn eile a ’s docha leat, thoir an aire nach ob thu dhianamh airson gin do na reusoin sin. Fiach do mhisneach, cha ’n ann a mhàin le ghabhail fos laimh gu ro-dheònach, ach le leantuinn air a chur an cèill, a dh’ aona gràin ge bheil agad air, no ’n dèidh air a chuidhteachadh: gun so cha d’ thig an là bheir sinn sinn fein a stigh gu fulangas, no gheobh sinn an t-sìth fhìrinneach sin, a tha na h-anmaibh sin, a tha saor o ana-miannan, ’sa dealradh leis a h-uile subhailc, a’ mealtuinn. A’ chomhairle chiadna tha ri thoirt seachad mu smaointean a tha trioblaideach oirnn. Oir cha ’n ’eil dad do bhuannachd na bhith glan saor is iad, agus tha so a mhath unnta, gu bheil iad gad ionnsuchadh gu cur suas ris na diachuinnean is goirte. O so mata, creid, gu ’m bheil am fear a bheir a chaochla comhairle dhut, am fiachuinn gu dearbh mar a sheachnas tu an trioblaid a tha cur sgàth ort, gun rathad ’sa bith thoirt dhut air an t-subhailc a tha dhìth ort a chosnadh. ’Se staid a’ gnothaìch, an saighdear òg a tha fhathast ain-eolach, feumaidh e a bhith làn naisginn is curuim; air uairibh a toirt ionnsuidh [TD 99] air a namhaid, uair eile ga dhion fhein, air rèir is mar a dh’ fhairgheas e a neart agus a mhisneach: ach gu bràch cha ’n fheum e chùlaoth a thionndadh, no ’n cath fhàgail, le bhith seachnadh a h-uile h-aobhar trioblaid is diachuinn. Chuireadh a leithid so a dhòigh seachad gu dearbh cunnart na mi-fhaighidin, ach bhiodh tu nas nochte ri saighdean do namhud na bha thu riamh, le cion cleachdaidh na faighidin. Cha ’n ’eil buntuinn aig na rudan a thuirt mi so ri peacadh na drùis, a tha an comhnuidh ri sheachnadh, mar thuirt mi, le teicheadh o na cunnartaibh. XXXVIII. CAIB. Ann an toirt a mach nan subhailcean, ga h-àraidh an fheadhainn sin a tha duilich, tha h-uile fàth ri gleachd ris an namhaid ri ghlacail gu ro-dheònach. ANN an toirt a mach shubhailcean cha leòr dhuinn na cothroman a ghlacail, feumar an sireadh, ’san glacail gu ro-dheònach nuair a gheobhar iad, agus am barrachd toil-inntinn a ghabhail asdasan a ’s mua chlaoidheas ar nàdar, is gur iad sin a ’s mua buannachd: agus ni air bith cha shaoil sinn duilich le comhnadh fhlathanais, ma leigeas sinn leis na smaointean so drùghadh gu domhain air ar chridheachan. An chiad smaoineachadh, gu ’m beil na h-aobhair so iomchuidh, no faoda’ mi radh riatannach gu subhailcean a chosnadh. Ime sin, a h-uile h-uair a dh’ iarras sinn subhailc àraidh air bith air Dia, tha sinn a’ sireadh san àm chiadna na miadhoinean a dh’ òrduich e gu toirt a mach, gun sin bhiodh ar n-urnaigh faoin, is na h-aghaidh fein; cha bhitheadh innte ach diachuinn air [TD 100] Dia, nach abhuist uair sam bith faighidin a thoirt seachad ach le anshocair, no umhlachd ach le tàir. Tha so cuideachd fior air subhailcean eile; cha ’n ’eil unnta ach toradh nan diachuinnean a tha Dia a’ faicinn iomchuidh leigeil nar rathad, agus ris ’m bu chòir dhuinn faoilteachadh air rèir is mar a tha iad deacair: a thaobh ’sgur mòr blagh na spàirn gus an cuir sinn sinn fein gu cleachdadh nan subhailcean a shuidheachadh nar n-anam. Ime sin thugamaid an aire gu ’n claoidh sinn daonnan ar toil fhein; ged nach biodh ann ach sealladh mua ’s dàna, no facal mu ’s saor. Oir ged is ’s ann an gnothaichean mòra is urramaiche a’ bhuaidh, ’s an ann gnothaichean beaga is lionoir’ i. An ath smaoineachadh, dha na bhean mi cheana, ’se gu bheil gach ni tachairt le òrdugh Dè, gus ar culaidh mhathais a dhianamh dhiu. Ach le fìrinn tha ioma rud a tighinn gu teach, mar tha peacannan dhaoine, nach fhaodar a chur an luthasachadh Dè, aig a bheil gràin air an olc; ach a dhaindeon sin faodar a chantuinn gu bheil rud-eiginn do dh’ òrdugh Dè ann, a chionn is gu bheil e leigeil an uilc air adhart nuair a tha e na chomas a bhacail. Ach a thaobh thrioblaidean, co dhiu ’s ann le ’r coire fhein, no le cionta ar naimhdean tha iad a tighinn oirnn, cha ’n ’eil teagamh nach ann o òrdughsan a chinnich iad; a dh’ aona gràin ge bheil aig’ air an ceann-aobhair. Agus ’s àill leis gu ’n cuiremid suas riu gu faighidneach, mar miadhoinean naomhachaidh dhuinn, no airson reusoin eile nach lèir dhuinne. Mar so nuair a tha sinn a’ creidsinn, gu feum sinn gu toil Dè dhianamh ceart, cur suas gun ghruaman ris na h-uile sin a thig nar rathad o dhrochmheinn an atharraich, no o ’r coire fhein; nach fada dh’ fheumas iadsa uile a bhith mear- [TD 101] achd, a their, ’s iad a’falach am mi-faighidin fein, nach toil le Dia, a tha uile cheart, uisge a thig a fuaran salach. Is gnothach soilleir gur e an trioblaid a sheachnadh a tha nam beachd, agus a thoirt air an t-saoghail a chreidsinn, gur ceart an rud a tha iad a’ dianamh, nuair a tha iad a tilgeadh uatha nan croisean a tha toil Dè leigeil nan rathad. Cha ’n e so an t-olc uile, ged nach biodh aobhar eile anns a chùis, is leòr so, gur a taitniche le Dia a bhith gar faicinn a cur suas gu faighidneach ri tàir, gu h-àraid o ’n fheadhainn sin a tha nar comaine, na bhith fianaiseach air ar faighidin an càsan eile. Agus sin airson na reusoin so. A’ chiad reuson, gu bheil an droch ghiullachd a gheobh sinn o fheadhainn eile a toirt tuille bristidh a àrdan ar cridhe, na peanas ’sa bith a thaghas sinn dhuinn fhein. An ath reuson, le fulang gu faighidneach anns na càsan so, tha sinn a striochdadh do thoil Dè, is a toirt glòir dha le ’r toil fhein a lùbadh ri thoilse, ann an càs a tha cliùiteach dha mhathas maraon is dha chumhachd, agus a earlaid cho suarach ris a’ pheaeadh fein tha sinn a’ tional toradh prìseil nan subhailcean agus na naomhachd. Biodh brath agad mata, nach luaithe chi Dia sinn a’ cur romhainn àrd subhailcean a chosnadh, na chuireas e na diachuinnean a ’s cruaidhe nar caramh. Sinn a’ faicinn mar so an spèis anabarrach a th’ aig Dia dhuinn, agus an toil a th’ aige gu ’n rachamaid air adhart ann an naomhachd, bu chòir dhuinn a’ chailis a tha e tairgse dhuinn a ghlacail gu ro-thàingeil, agus am boinne mu dheireadh dhi ol; a tuigsinn againn fhein gur h-ann mar is seirbhe i, is mua stà dhuinn. [TD 102] XXXIX. CAIB. Mar a dh’ fhodar an aon t-subhailc a chleachdadh an iomadaidh càs. CHAIDH innse ann a’ fear dhe na caibideil roimhe so, gur fhearr grathunn a thoirt air aon subhailc, na fiachuinn ri mòran dhiu comhla, agus gu bheil an t-subhailc sin dhe d’rinn sinn raghuinn ri cleachdadh, ’sa h-uile fàth ri ghlacail gu sin a dhianamh. An dòigh air so a chur an cèill air bheag saothair fiachaidh sinn a nis. Dh’ fhaodadh e tachairt dhut san aon latha, no theagamh ann an uair dhe latha; gu ’n deach achasan beur a thoirt dhut airson rud-eiginn a rinn thu, agus a rinn thu gu math cuideachd; gu ’n d’ fhair thu do chàineadh, no fàbhar beag a dhiùlt dhut le gruaim; no gu bheil thu fo amharus gun reuson; no gu ’n dh’ iarradh ort rud a dhianamh a tha mi-thaitneach leat; no gu ’n deach do dhinneir a dholaidh; no gu na bhuail tinneas thu; no gu ’n d’ rug uilc eile ort mòran nas truime, a tha cho pailt anns a’ bheatha thruagh so. Ann am miasg thrioblaidean cho lionor, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil cothrom air ioma subhailc a chleachdh; ach air rèir na riaghailt a thugadh seachad, se cleachdadh na subhailc a ’s mua tha dhìth ort is feumaile dhut. Ma ’si an fhaighidin a tha uat, feuma tu cur suas gu ro-chruadalach ris a h-uile h-olc a thig ad rathad; ma si an irisleachd, feuma tu chuimhneachadh gur beag tha thu fulang laimh-ri toillteannas do pheacannan; ma ’si an umhlachd, striochd thu fhein do thoil Dè, a tha gu ceart an leagail a laimh’ ort. Airson a ghaoilse cuideachd, striochd thu fhein, cha ’n ann a mhàin do chreutairean reusonta, ach do chreutairean gun chiall is gun anam, mar innil dhiùghaltais [TD 103] Dè: ma ’si bhochduinn, bi toilichte fo d’ anshocair: ged bhitheadh toil-inntinn is gaireas na beathasa dhìth ort: Ma ’si charrannachd, dian gu dichiollach gniomhan gaoil do Dhia, agus do d’ choimhearsnach; a’ cuimhneachadh gu bheil na diachuinnean air t’ fhaighidin o ’n atharrach, a’ leasachadh do dhuais le cuir ceart suas riu; agus gur h-ann gu math t’ anma cha Dia a’ leigheil air adhart, no ’g òrduchadh nan diachninnean a tha gad shàrachadh. Bheir na thuirt mi mu dhèidhinn an aon t-subhailc a chleachdadh anns a h-uile càs, sàmhla dhut air an dòigh an cuirear an gniomh i ann an càs àraidh air bith; ann an easlainte, mar gu ’m b’ eadh, no ann an anshocair air bith eile cuirp no anma. XL. CAIB. An ùine a tha ri chosg a’ toirt a mach subhailc àraidh air bith, agus comharraidhean air cho fad ’sa chaidh sinn air adhart. URAD ùin’ is tha riatanach gus gach subhailc a thoirt a mach, is rud e nach urruinn duinn innse; a thaobh is gu bheìl car aig ar staid, aig ar càil, aig ar coimhlionachd an dea-bheusan, aig seòladh ar cinn-iuil anns a’ chùis sin. Ach so an rud a tha cinnteach, gu ’n toir beagan sheachduinean fad air adhart sinn, mur bi fàillinn anns an dichioll, agus anns an t-sùrd a chur mi mu d’ choinneamh. Is comhara cinnteach gu ’n deachas fad air adhart, ma ses gu ’n leanar air beirtean diadhaidh, a dhaindeoin gach seirbhe, dorrain, tiomrachd spioradail, is call gach soighneis a fhaodas tighinn nar caramh. Comhar’ eile nach lagha dhearbhas a’ chùis, ’se nuair a bhios ar n-ana- [TD 104] miannan fo chìs is fo smachd reusoin cho fad, is nach cuir iad èis oirnn ann an cleachdadh nan subhailcean; oir mar is mua ghèilleas iadsan ’s ann is mua fhriamhaicheas na subhailcean nar n-anam. Ime sin nuair nach fairich sinn cuimrig air bith o ’n fheoil, faoda’ sinn a bhith cinntèach gu ’n d’ thug sinn a mach cleachdadh nan subhailcean; is mar is fhasa dhuinn an cur an gniomh, ’s ann is bunailtiche an dea-chleachdadh. Ach ge do thachradh dhut fad mòrain ùine, is iomadaidh diachuinn, nach d’ fhairich thu an fheoil a’ cur èis ort, na bi’ am barail gu ’n d’ ràinig thu nis air ceum àrd do ’n naomhachd, is gu ’m bheil t’ ana-miannan tur air an ceannsuchadh. Oir biodh brath agad gur tric leis an namhaid agus le ’r nàdar coirbte iad fhein a chleith air an dòigh so car tamuill, los gu saoilemid le pròis dhiomhair gur subhailcean firinneach mealltaireachd a’ pheacaidh. A bharr air sin ma sheallas tu air a cheum àrd do naomhachd gus a’ bheil Dia gad ghairm, chi thu gur fhad air ais thu, a dh’ aon rud ge d’ rinn gu so. Lean mata air na dleasnasan a tha thu cleachdadh, mar dhuine nach biodh ach air ùr thòiseachadh, is na fuaraicheadh teas do chiad chràbhaidh. Cuimhnich gur e mòran is fhearr a bhith gabhail air adhart ann an dea-bheusan, na bhith a’ dianamh mion rannsuchadh air an uidh chaidh sinn air adhart; a thaobh ’sgur diomhaireachd so, a tha Dia, dha ’n aithn, ar cridheachan, a soillseachadh do chuid do dh’ fheadhainn, nuair a tha e ga fhalach air feadhainn eile, air rèir is mar a chi e an t-eòlas so a’ tighinn gu aobhar umhlachd no pròis dhaibh. Mar sin tha an t-Athair mathasach glic so, a’ cumail o na laig a’ rud a dhianaidh dolaidh orra, is a toirt do dh’ fheadhainn eile an ni a leasaicheas an subhail- [TD 105] cean. Mar sin ged bhiodh e falach air anam càd a chaidh air adhart, cha ’n faod e a dhleasnasan diadhaidh a leigeil dheth; a thaobh is gu faigh e brath air sin gun teagamh, nuair a thoilicheas an t-Athair siorruidh sin thoirt da gu mhath. XLI. CAIB. Nach d’ thigeadh dhuinn a bhith ro-fhada an geall air na h-uile sin a chur uainn, a tha sinn a’ giùlan gu faighidneach; mar is còir tograichean ar cridhe a rian. NUAIR a bhios tu fo anshocair do sheòrsa sam bith, na h-èisd ri guth a’ bhuaireadair, no ri gluasad fein-spèis, nuair a thogas iad dèidh mhòr ann ad chridhe air a bhith cuidhte ’san trioblaid. Oir o mhi-fhaighidin ’sa chàs so thig dà olc mhòr; a’ chiad olc, ged nach cailleadh tu ma-ghaoide gu buileach t’ fhaighidin, a dh’ aindeoin sin bhiodh taobhail agad ris a’ pheacadh a tha na h-aghaidh; an ath olc, ’se gu ’m biodh t’ fhaighidin neo-choimhlion, agus do dhuais air rèir na h-ùin’ a lean thu rithe. Oir mur sireadh tu furtachd, is nam biodh tu làn striochte do thoil Dè, ged nach maireadh do thrioblaid ach cairteal na h-uarach, bheireadh Dia dhut tuarasdal bhiadhnachan airson na toil bh’ agad air fulang. Air an aobhar sin, dian t’ aon riaghailt dhe so, na h-iarr dad ach air rèir toil Dè, biodh a thoilse dhut na cuspair gus a stiùr thu uile mhiann do chridhe; mar sin bithidh do thograichean ceart daonnan agus diadhaidh, agus a dh’ aon rud ge ’n tachair mealaidh tu sìth gun bhruaillean. Oir gach ni air talamh tha fo rian a’ fhreasdail: is ma bhios do thoilse leagte ri dhòigh, èiridh gach [TD 106] ni dhut mar is math leat, ’san aghaidh do mhiann cha tachair seud. A’ chainnt so cha bhuin dha’r peacannan fhein, no peacannan an atharraich, air a’ bheil a’ ghràin a’s mua aig an Tì is àirde, ach a mhàin do na trioblaidean a tha nan diùghaltas air do pheacadh, no nan diachuinnean air do shubhailcean; is mar sin, tha iad ri ’n giùlan, ge do ruigeadh iad bun do chridhe le ’n dòruinn, is ge do chuireadh iad do bheath’ ann an cunnart; oir is croisean iad a tha Dia tiùrachduinn do ’n fheadhainn a ’s docha leis. Ma dh’ fhiach thu ri faothachadh thoirt dhut fein, agus na leigheasan iomchuidh uige sin a ghabhail gun lasachadh fhaotuinn. feuma tu cur suas gu faighidneach ris an olc nach urruinn thu a leasachadh. Ach tha e mar fhiachaibh ort ionnsuidh a thoirt air thu fein a leigheas leis na miadhoinean sin a tha ceart unnta fhein, is air an òrduchadh le Dia. Ach ’se òrdugh Dè am beachd is còir dhut a bhith agad anns a’ chàs sin, is cha ’n e taobhail riut fhein, no ro-dhèidh air fuasgladh o do thrioblaid. XLII. CAIB. Mar a bheir sinn buaidh air ceilg an deomhain, nuair a bhios e a’ cur cràbhaidh mhi-chunbhalaich romhainn. CHA luaithe a mhuthaicheas an deomhan, an nathair mheallta sin, gu bheil sinn a’ dianamh air flathanas le ceum dàiceil, is gur e Dia aona chuspair ar cridhe, agus nach dearg e oirnn le ghnà pratan, gabhaidh e air fhein coltas aingil soluis; stuigidh e air adhart sinn gu naomhachd, gar prosnachadh gu dian diomhair, is gun umhail gar laigse; oir lionaidh e ar ceann le smaointe diadh- [TD 107] aidh. gan neartachadh le puincean o ’n sgriobtur naomh, agus o shàmplair is o bheatha nan naomh a ’s àirde glòir, fiach an tarruing e sinn gun fhios duinn, gu ceum gràineil air chor-eiginn le cràbhadh bras gun chunbhail. Mar shàmplair air so, bheir e oirnn ar colunn a chlaoidh le tuille ’sa chòir do thraisg, do sgiùrsaidhean, is do pheanasan eile mar sin. ’Se beachd a th’ aige; fiach an tog e suas sinn gu pròis as sinn fein, mar dhaoine a rinn gniomhan euchdail, (is tric le laigse nam boirionnach gèilleadh do ’n bhuaireadh so) no fiach am brist e ar misneach le peanasan a tha fos cionn ar neart, ann a’ rathad is nach bi càil againn do dhleasnasan cràbhaidh air bith; no fiach le cion comais air cruas cho trom a ghiùlan, gu ’n càill sinn ar toirt do chaithe-beatha diadhaidh, is le miad ar sgìos a’ leanail ri cleachdadh shubhailcean, gu ’n till sinn ri gòraich an t-saoghail le tuille tlachd na bh’ againn roimhe. Co is urruinn innse na chaidh a chall air an dòigh so? Oir dhall an dànadas fein iad cho fad, a’ cur peanas mi-dhealbhach orra fhein, is gu na ghlacadh iad anns a’ribe sin a chuidich an lamhan fhein a shuidheachadh, nan culaidh fhanaid mar sin aig an deomhan. Na ribichean sin uile bha rathad gun teagamh aca air a sheachnadh, na d’ thugadh iad fonear, gu feum claoidh mar so, air fheobhas ann fein, ’s air miad a thoraidh ann an daoine aig a bheil càileachd pearsa, agus umhlachd cridhe, a bhith miasarra, agus air a thomhas ri ’r neart. Oir cha ’n e a h-uile fear a ’s urruinn trom chuingean nan naomh a ghiùlan; an dèis sin faodaidh gach neach an atharrais ann an iomadaidh càs, faodaidh toil làidir a bhith aca, ruighinn air roinn dhe na crùinn ghlòrmhor a choisin saighdeara dìleas Iosa Criosta [TD 108] nan cath spioradail; faodaidh iad sàmhla nan naomh a leanail; nan gràin air an t-saoghal agus orra fein; nan gaol air tosdachd agus air uaighneas: nan umhlachd is nan carrannachd ri gach duine; na faighidin a’ cur suas ris a h-uile masladh; agus a’ dianamh math an aghaidh an uilc dha naimhdean bu mhua; nan dichioll a’ seachnadh nan giomhan bu lagha: is gur nichean so a’s mua toradh an làthair Dè, na h-uile peanas corporra a ’s urruinn iad a leagadh air am pearsa fhein. Rud eile a tha ri thoirt fonear, gu ’m bheil e iomchuidh an toiseach, a bhith rud-eiginn stuama a’ cur chuingean corporra oirnn fhein; ann a rathad is gu ’m faodar an leasachadh, ma bhios sin feumail, seach teirbheirt cho mòr nach urruinn duinn a’ bheag idir a dhianamh. Tha mi radh so, a thaobh is nach fhurasda leam a chreidsinn gur duine dall thu, a tha dianamh ionann is dia-brèige dhe d’ shlàinte. Tha iad a ni sin an comhnuidh fo chùram gu ’n d’ thèid iad an car is lagha air aimhreit. agus an smaointean uile ’san seanchas tha mu dhèidhinn nam miadhoinean a chumas uatha an easlainte. Le bhith ro-tharmusach air lòn, an àit’ an stamag a neartachadh, ’sann a tha iad gam milleadh le biadh miaghail; agus an dèigh sin bu math leo thoirt air an t-saoghal a chreidsinn, nach ’eil dad eile nam beachd ach iad fhein a chumail fallain gu barrachd glòir Dè. ’S amhuil so a tha iad am falach an geòcaireachd; ach ’se staid a’ gnothaich, ’s àill leo sìth a dhianamh eadar dà namhaid nach do chòrd riamh, an fheoil agus a’ spiorad, agus ’se deireadh a thig a sin, an cur a dholaidh le chèile, le slàint’ a bhristeadh is cur as dh an cràbhadh.—Air an aobhar sin, ’siad an feadhainn sin a [TD 109] chleachdas dòigh rèidh chumanta nan caithe-beatha, a ’s fhaide agus is cinntiche a thèid air adhart an cràbhadh. Ach tha reason ri leanail anns a h-uile ni, agus càil gach duine ri sealltuinn air, a thaobh is nach ionann comas gach aon air cur air adhart an aon dleasnais; agus tha so ri thuigsinn cha ’n ann a mhàin a thaobh gniomhan a chlaoidheas a cholunn, ach a thaobh gniomhan a bhuineas do’n anam; air rèir is mar a chaidh fhiachuinn, nuair a shoilleirich mi an dòigh air ruighinn air na subhailcean a ’s àirde. XLIII. CAIB. Gu ’m beil ar nàdar coirbte le prosnachadh an deomhain deas gu breth obunn a thoirt air an atharrach, an dòigh air an t-olc so leigheas. THA bharail mhòr a th’ againn òirnn fhein nam mhathair-aobhar air giomh gàbhaidh eile; ’se sin breth obunn, puinsean a tha sinn ag àrach nar cridhe fhein, ’san geall air a sgaoileadh a’ miasg feadhnach eile. Is miar do ’n àrdan an giomh so, ’sann uaithe tha e cinneachadh, agns mar is mua ghèilleas sinn dha, ’sann is mua a dh’ fhàsas ar barail òirnn fhein, agus is mua nochdar sinn ri ionnrachdan an deomhan: oir uidh air n-uidh fàsaidh ar pròis as sinn fhein cho mor sa tha ar tàir air feadhainn eile; a’ saoilsinn gu faoin, gu bheil sinn saor o na peacannan sin a tha sinn cho deas a chur as leth ar comhearsnaich. Cha ’n luaithe bheir namhaid ar n-anma an aire do ’n ghiomh mhollaichte so unnainn, na dh’ fhiachas e san uair a h-uile dòigh gu fàillinnean an atharraich a shoilleireachadh dhuinn, agus a miadachadh nas mua na tha iad. Cha ’n faodhar innse urad shaothair ’sa gabhais e, gu [TD 110] toirt oirnn beachdachadh air na giomhan a ’s lagh’ a bhios anns an atharrach nuair nach urruinn e coireannan mòra chur as a leth. Air an aobhar sin, o na tha e cho seòlta gu cur as duinn, na bithemid nas lagh’ air ar faicill gus a phratan fhaicinn agus a sheachnadh.—Nuair a chuireas e peacannan feadhnach eile air shùilean dhuinn, feumas sinn na smaointe sin fhuadach uainn, agus ma leanas e ionnsuidh gus ar tarruing gu breth obuinn, oilltichemid o lethid sin do droch bhuaireadh Cuimhnichemid nach ’eil còir againn’ air breth thoirt air an atharrach, is ge do biodh gur ainmig a sheasamaid air bonn a’ cheartais, creutairean a tha cho fad air an dalladh le antlachd is corruich, agus buailteach o nàdar air an dath a ’s miosa chur air giùlan ’s air dianadas an atharraich. An leigheas is cinntich’ air an olc so, ’se sùil a bhith againn daonnan air ar laigse fhein, far a’ faigh sinn cho liuthad ni ri cheartachadh, ’sgur dàna dhuinn ar ceann a thogail gu binn a thoirt air feadhainn eile; a thuilleadh air sin, le bhith ag iarraidh a mach ar giomhan fein, saoraidh sinn ar cridhe o phuinsean àraidh a tha na mhàthair-aobhair do bhreth obuinn. Oir an neach a bheir binn air an atharrach gun chomhdach làidìr, tha reuson nas leòr aig’ air e fhein a chur an umhail, gu bheil e ciontach anns a’ choire chiadna; a thaobh ’sgur abhuist do droch dhaoine a bhith sàmhlachadh feadhnach eile coltach riu fein.—Ime sin nuair a dh’ fhairgheas sinn gluasad unnainn gus an t-atharrach a dhìteadh, cuiremid casg oirnn fhein leis a chronachadh so; a chreutair làdarna gun chèill, ciamar a tha dhànadas agad a bhith rannsachadh gnothaichean an atharraich, thusa aig’ am beil am peacadh ciadna ri fhreasgairt air a shon, no theagamh peacadh [TD 111] is mua? Le ’r corruich mar so thionndadh ’nar n-aghaidh fhein, tha rathad againn air ar giomhan fein a leigheas, an àite dolaidh a dhianamh air an atharrach. Ach ma bhios a’ choire mòr agus follaiseach, bu chòir do’n charrannachd a falach le leithsgeul air chor-eiginn: le creidsinn, mar gu’m b’eadh, gu ’m beil subhailcean àraidh diomhair aig a choireach, a b’ àill le Dia thiarnadh le leigeadh dha tuiteam: bithemid ann an earbsa, gu ’n toir a’ choire so anns a’ bheil Dia leigeil leis fuireach car tamuill gu ionnsuidh fein e a cheart rìreamh, is gu ’n toir an tàir a tha e faighinn o fheadhainn eile gu spiorad na h-umhlachd e, is mar sin gu ’n tionndaidh a choire gu bhuannachd. Ach ma tha am peacadh follaisach maraon agus fuathasach, agus cridhe pheacaich air cruadhachadh san olc, togamaid ar n-inntinn gu flathanas, agus smaoinichemid air breitheanas diomhair Dè, thugamaid fonear gur lionor iad, a dh’ èirich gu bhith nan naoimh mhòra dèis daibh a’ bhith fada bàite sa’ pheacadh bu mhua: is feadhainn eile gu na thuit o ’n choimh ionachd a b’ àirde gu grunnd a’ pheacaidh agus an uilc. O na smaointean so tuigidh duine grunndail air bith, gur h-ann aig a dhorus fhein bu chòir dha amharus a leagadh an toiseach, is ma dh’ fhairgheas e blàs air bith a’ lasadh na chridhe do ’n atharach, gur h-ann o ’n Spiorad Naomh a tha sin a’ tighinn: air an laimh eile, ’sann o ’r drochmheinn fein is o bhuaireadh an aibhistear a thig breth obuinn fuath agus tàir air an atharrach. Air an aobhar sin, ma dh’ fhairgheas sinn sinn fhein ro gheurshuilech a’ beachdachadh air giomhan feadhnach eile, na sguiremid a ghleac ris a ghiomh so, gus a’ spion sinn a nuas as ar cridhe’ e. [TD 112] XLIV. CAIB. Air urnaigh. MA tha an-earbsa as sinn fein, earbsa a Dia, is dea-fheum a thoirt a buadhan ar n-anma, nan airm riatanach gu buaidh a chesnadh anns a’ chath spioradail, air rèir is mar dh’ fhiach mi; ’Si ’n urnaigh, mar théid a nis innse, ball-airm is feumail’ uile; a chionn ’s gur i is màthair, cha ’n ann do na tri subhailcean sin a mhàin, ach do ’n h-uile ni eile a tha feumail gu sábhaladh ar n-anma. So am feadan tro ’n d’ thig a h-uile gràsan a flathanas gar n-ionnsuidh. Bheir an urnaigh air an Tì a ’s àirde fhein ar comhnadh o chathair ghlòrmhor, agus le ’r lamhan, ge lag, sgriosaidh e ar n-naimhdean a ’s miosa. Gus an urnaigh chleacail mar is còir tha na seòlaichean so ri leanail. 1. Feumaidh sinn làn thoil a bhith againn seirbheis Dè chur air adhart gu ro-dhùrachdach, agus anns an dòigh is taitneach leis. An toil so faodar a dhùsgadh nar cridhe le beachd a ghabhail air na tri nichean so: a’ chiad rud, gu bheil còir shònraicht’ aig Dia air aodhradh agus air seirbheis uainn, as leth a bhuadan àillidh, mar tha mhathas, a ghliocas, a mhaise, a chumhachd, a agus fheartan eile gun aireamh, is fos cionn aithris. An ath rud, gu ’n ghabh Dia nàdar daonnd’, is gu ’n chosg e tri bhiadhn’ eug thar fhichead gu h-ànrach gu ’r sàbhalach, gu ’n dheònaich e ar creuchdan fuathasach a laimhseachadh le lamhan fein, agus an leigheas, cha ’n ann le ola agus fion a dhortadh unnta, ach le fhuil phrìseil fein a thaomadh a mach, is le choluinn a reubadh le sgiùrsadh drisean agus tairngean. An treas rud, ’se mhiad ’sa ni e stà dhuinn a lagh a chumail, [TD 113] agus ar dleasnas a dhianamh, is gur ann le sin a mhàin a dh’ earbas sinn buadhachadh air an deomhan, ceannsachadh a toirt as ar n-ana-miannan, is ruighinn air onair clainn Dè. 2. Feumaidh sinn creideamh beo bhith againn, agus dòchas làidir nach diùlt Dia dhuinn an comhnadh a tha feumail dhuinn gus seirbheis dhìleas a dhianamh dha, agus ar n-anam a shàbhaladh. ’S ionann anam làn dòchais, agus saghach naomh anns an doirt Dia ionmhas a ghràs; agus mar is farsuinne an soitheach, ’sann is pailte a thaomar tiodhlaicean ann tro urnaigh. Oir ciamar is urruinn Dia, aig a bheil cumhachd gun chrioch, agus mathas nach tràigh, a thiodhlaicean a dhiùlt dhaibhse, a tha e prosnachadh cho dian gu an iarraidh, is dha bheil e a’ gealltuinn a Spioraid Naoimh a thoirt, mo ses gu ’n iarr e le dòchas is le buan achanaich. 3. An àm teannadh ri urnaigh ’se beachd Dia thoileachadh, is cha ’n e sinn fhein bu chòir a bhith nar n-aire; ’sann a chionn is gu bheil Dia cur an dleasnais so mar fhiachaibh oirnn, is gun iarraidh air èisdeachd ach cho fad ’sa tha sin iomchuidh na shùileansa; mar sin gèillidh ar beachd tur dha thoilse, is cha lùb sinn toil Dè ri ’r toil fein. ’Se ’s reuson dha so, gu ’m beil an toil againn’ olc, agus air a puinseanachadh leis an àrdan, agus gu tric aineolach air an rud a tha ri shireadh: air a’ laimh eile, tha toil Dè daonnan ceart naomh is ana-comasach air dol iomrall: ’s air an aohhar sin ’sì bu chòir a bhith na riaghailt do ’n h-hile toil, is gur seachran dol uaipe. Thugamaid an aire mata, gu ’m bi ar n-iarratasan air fad taitneach do Dhia, is ma bhios an teagamh a’s lagha, co dhiu tha ar n-achanaich mar sin, no nach ’eil, is còir dhuinn [TD 114] daonnan an gnothaich fhàgail a’ mèinn a fhreasdail. Ach ma ’s cùis shoilleir gu bheil an ni tha sinn a’ sireadh taitneach do Dhia, mor tha gràsan, subhailcean is rudan mar sin, iarramaid iad ann am beachd a mhòralachd a thoileachadh agus a riarachadh, a raghuinn air beachd ’sa bith eil’ air a naomhad. 4. Ma’s math leinn gu faigheadh ar urnaigh èisdeachd, thigeadh gar dianadas cofhreagairt di: ro ’r n-urnaigh is na dèigh, cha ’n fhuilear dhuinn ionnsuidh a thoirt air sinn fein a dhianamh toillteanach air na gràsan a tha sinn a sireadh. Oir urnaigh agus claoidh na leth-astigh cha ’n fhaodar dhealachadh o cheile; a thaobh is gu bheil an neach a tha ’g iarraidh subhailc air bith gun a cur an gniomh a buaireadh Dè. 5. Mun iarr sinn a’ bheag air bith air Dia, bu chòir dhuinn tàing a thoirt da le mòran umhlachd airson nan tiodhlaicean a bhuilich e oirnn martha. Faodaidh sinn so chantuinn; a Thighearn’, a dheònaich as dèigh mo chruthachadh m’ fhiachan a phàidheadh nad thòcair, agus mo theasraiginn o fheirg mo naimhdean nas trice na ’s urrruinn dhomh innse, thig gu m’ chobhair, a’ dianamh diochuimhn’ air m’ aimideachd is mo mhi-thàingealachd roi so, agus tiùraich dhomh am fàbhar a tha mi sireadh. Ach ma dh’ fhairgheas sinn sa’ cheart àm anns ’a bheil sinn ag iarraidh subhailc àraidh air bith, ionnsuidhean o ’n pheacadh a tha na h-aghaidh, is còir dhuinn tàing a thoirt do Dhia airson a chothrom a tha e toirt dhuinn air an t-subhailc sin a chleachdadh; is gur rud sin air bu chòir dhuinn sealltuinn mar fhàbhar mòr san àm sin. 6. Ach o ’n is ann o mhathas Dè, is o thoradh beatha is pàis ar Slànair, is o gheallaidh eisdeachd gu bàigheil rir guth, a ta neart agus brìgh na [TD 115] h-urnaigh air fad a’ tighinn, bu chòir a dùnadh an comhnuidh le facail do ’n sheòrsa so: guidheam ort, o Thighearna, as leth do mhòir thròcair fhein gu ’n èisdeadh tu ris an achanaich so; tro thoillteannas do Mhic deònaich am fàbhar so dhomh; cuimhnich, o mo Dhia, air do gealltanas, agus èisd ri m’ urnaigh. Air uairibh cuideachd faodaidh sinn eadarghuidh na h-òighe beannaichte Moire is nan naomh eile shireadh: oir is mòr am maoidhean a làthair Dè, a tha toileach air onair a thoirt daibh air rèir is mar a thug iad cliù dha nam beatha air talamh. 7. Feum’ sinn leanail air a’ chràbhadh so; oir is cinnteach an gnothach nach fhaod Dia urnaigh bhuan iriosal a dhiùlt. Oir ma thug buan achanaich na bantraich anns an t-soisgeul buaidh air a’ bhritheamh eucorach, an urruinn an urnaigh againne bhith gun èisdeachd o Dhia a tha làn mathais? Agus mar sin, ged nach èisdeadh e ruinn san uair, ged nach biodh e, mar gu ’m b’eadh, gar cluinntinn, an dèis sin uile, cha bu chòir dhuinn ar dòchas a chall as a mathas nach traogh, no ’sgur do dh’ urnaigh; oir is mòr an comas a th’ aige, agus an toil gu math a dhianamh dhuinn. Ime sin mar ’eil an fhàillinn againn fein, tha e cinnteach gu faigh sinn ar n-iarratas, no gu faigh sinn rud is fearr, no theagamh an dà chuid. Mar is lagha dh’ fhairgheas sinn do thoirt dhinn, ’sann is mua dh’ fheumas sinn ar fuath ’s ar gràin oirnn fein a leasachadh; ach ann a’ rathad is gu ’n toir neart ar truaighe fein oirnn dìreadh suas gu tròcair Dè thoirt fonear; agus ar dòchas ann a mhiadachadh, is cha ’n e laghdachadh; a thaobh is gur h-ann mar is stèidheil’ a sheasas sinn am miadhoin aobhair mi-dhòchais, is mua a bhios ar duais. An aon fhacal na sguiremid a feasd’ a thoirt [TD 116] buidheachas do Dhia; thugamaid glòir dha ghliocas, dha mhathas, dha thròcair’ co dhiu gheobh na nach faigh sinn ar n-iarratas; a dh’ aon rud ge ’n tachair bithemid socrach nar n-inntinn, is anns gach càs bithemid toilichte agus striochte ri freasdal Dè. XLV. CAIB. Air urnaigh chridhe. ’SI urnaigh chridhe ar n-inntinn thogail suas ri Dia, ag iarraidh na nichean tha feumail dhuinn gu diomhair nar chridhe, no air an cur a mach ann am briathran. Tha sinn ga ’n iarraidh, ionann agus ann am briathran, nuair a their sinn nar cridhe; O mo Dhia, thoir dhomh am fàbhor so gu cliù dha d’ ainm naomh: no mar so, a Thighearna tha mi làn chreidsinn, gur i do thoil, is gur ann gu tuille cliù dhut a tha mi ’g iarraidh nan gràsan so, gu robh do thoil diante nis unnamsa. Nuair a’ bhios sinn gu searbh air ar cur uige le ionnsuidhean an namhud, faodaidh sinn so chantuinn; greas gu m’ chobhair, O Thighearna, mun d’ thèid mo sgrios leis an namhaid; no mar so, mo Dhia, mo threis, agus mo neart, dian mo chobhair gu grad, mu ’m bi mi càillte. Ma mhaireas am buaireaeh, is còir do ’n urnaigh chiadna mairsinn, a’ cur an aghaidh an deomhain gu misneachail. Nuair a thèid neart a’ bhuairidh seachad, is còir dhuinn ar guth a thogail suas ris an uilechumhachdach, à griosad air, e shealltuinn air neart an namhud air an darna taobh, agus air an laigse againn’ air an taobh eile, a’ cantuinn; Seall, o mo Dhia, air do chreutair fein, air obair do lamh fein! seall air neach a chaidh a cheannach le fuil phrìseil do Mhic! Faic [TD 117] mar tha an deomhan an geall air a sgaradh uat, agus a sgrios gu h-iomlan! ’Sann ugadsa tha mi ruith gu comhnadh, ’sann unnadas tha mo dhòchas, is gu bheil brath agam, gu bheil thu uile mhathasach is uilechomasach. Gabh truas ri creutair dall, ge do ’sann le choire fhein, nach urruinn gun chomaradh do ghràs dol as air sgrios a namhdean, air an aobhar sin dian mo chomhnadh, o fhriamh mo dhòchais, is aona chùl-taic m’ anma. Tha sinn nar cridhe ’g iarraidh tiodhlaicean air Dia, nuair a tha sinn a’ tilgeadh ar uireasbhuidh na làthair, gun ni àraidh ’sam bith ainmeachadh. Gar suidheachadh fein mata a’ fianuis Dè, ’sa ’g aideach nach ’eil e ’nar comas an t-olc a sheachnadh, no math a dhianamh, biodh ar cridhe laiste le toil a sheirbheis a chur air adhart, is sùil ar n-anma leagte air, am feitheamh ri chomhnadh le mòran earbsa agus umhlachd. A’ leithid so do dh’ aideach air ar laigse, a leithid so do dhèidh air a sheirbheis, a leithid so do gniomh creidimh, is urnaigh dhiomhair, a bheir ar n-iarratas ugainn a flathanas, agus a ghleidheas dhuinn èisdeachd air rèir ’smar a bhios ar n-aideach fìrinneach, ar dèidh làidir, agus ar creideamh beo. Tha seòrs’ eile ann do ’n urnaigh so, ach nas athgearra; is nitear i, nuair a tha an t-anam a dh’ aona bheum a’ tilgeadh uireasbhuidh an làthair na Tì ’sàirde: Mar gu ’m eadh, a’ cuimhneachadh fàbhair a chaìdh a shireadh roimhe, ach an nis ga iarraidh a rìsd gun ainmeachadh. Thugamaid ionnsuidh air an t-seòrs’ urnaigh so chleacadh, ’sa chur an gniomh anns gach àm; is tuigidh sinn am beagan ùine, gu ’m bheil i cho furasda, ’sa tha i brìgheil agus eifeachdach. [TD 118] XLVI. CAIB. Air smaoineachadh. NUAIR tha tuilleadh ùine ri thoirt do dh’ urnaigh, mar tha leth uair, no uair, no nas mua, bhitheadh e iomchuidh roinn do phàis ar Slànair a thoirt fonear, agus na smaointean a dh’ èareadh o sin a thionndadh gu cosnadh na subhailc sin air a’ bheil sinn an tòir. Ma ’si an fhaighidin a tha uat, dian sgiùrsadh do Shlànair aig am phosta rùn-diomhair do smaointean. 1. Thoir an aire nach luaithe fhuair na saighdearan òrdugh a tharruing thun a’ phuist, na thug iad air adhart e le iolaich àird is le àbhachd mhòr. 2. Nuair a spionadh dheth aodach, gu robh am fuachd ga lèireadh. 3. Gu ’n deach a lamhan, neochiontach, a cheangal gu teann ris am phost. 4. Gn ’n deach a chorp naomh a sgiùrsadh cho trom is gu na thaom’ fhuil prìseil gu craobhach gu làr. 5. Gu ’n robh h-uile beum a’ bualadh daonnan san aon àite sior leasachadh a phèine ’sa miadachadh a chreuchdan. Nuair a bhios na smaointean so agad, no leithidean eile, dha ’m bu chòir gaol na faighidin a dhùsgadh ann ad chridhe, thoir ionnsuidh làidir air an dòruinn chiadna a tha do mhaighistir naomh a’ faireachduinn cho cràiteach na choluinn uile, a bheo-ghluasad ad chridhe fein. Dèigh sin gabh air t-adhart, is gabh beachd air spàirn fhuathasaich anma, is fiach an tuig thu cho ciuin is cho faighidneach ’sa chuir e suas ri dhòruinn, an dèidh air tuilleadh fhulang gu glòir Athar, is gu stà dhuinne. Faic a nis e làn fala, agus tuig nach ’eil ni air a mua dhèidh, na gu faiceadh e thu a’ cur suas ri d’ thriòblaidean le faighidin, is gu bheil e griosad air Athair anns na flathas, do chomhnadh, gus [TD 119] a chrois so, is gach crois eile ghiùlan gu faighidneach. Neartaich le gniomhan cràbhaìdh lionor an togradh so th’ agad air fulang le sòlas. An sin tog t-inntinn gu flathanas, thoir tàing do dh’ Athair na tròcaire, gu na dheònaich e a Mhac ionmhuinn a chur thun an t-saoghail so, dh’ fhulang dòruinn cho goirt, agus a sheasamh do chùis air a bhialaobh. ’Se dùnadh a bhios agad, subhailc na faighidin a shireadh as leth toillteannas is eadarghuidh a Mhic ionmhuinn, dha bheil a mhòr spèis. XLVII. CAIB. Dòigh eile’ air urnaigh chridhe. THA ’n dòigh so eil’ ann air meadhrachadh, agus air urnaigh chridhe. An dèis dhut smaoineachadh gu ro-chùramach air an dòruinn a fhuilig do Shlànair, agus cho deònach ’sa bha e air fulang, faodaidh tu gabhail air adhart gu dà smaoineachadh eile nach lagha brìgh. A chiad smaoineachadh, gabh beachd air mòr luach gniomhan do Shlànair; an ath smaoineachadh, seall air an lan-phàidheadh ’sa glòir a fhuair an t-Athair siorruidh o umhlachd a Mhic gu bàs, agus bàs na croise cuideachd. An dà smaoineachadh so faoda’ tu thairgse do ’n Athair naomh, mar dhà miadhoin chumhachdach gus na gràsan a tha thu sireadh fhaotuinn; freagraidh an dòigh so do ’n h-uile rùn diomhair ann am pàis ar Slànair, is do’n h-uile gniomh a rinn e o leth-amach, no o leth-astigh anns gach mistire. [TD 120] XLVIII. CAIB. Dòigh urnaigh gu iarraidh eadarghuidh na banrigh beannaichte Moire. A THUILLEADH air an dòigh smaoineachaidh a thug mi seachad, tha dòigh eile ann a nitear ris an òigh bheannaichte Moire. An toiseach mata, gabh beachd air t-Athair siorruidh, an sin air Iosa Criost, ar Tighearna, agus mu dheireadh air an òigh naoimh Moire. A thaobh an Athar shiorruidh, tha dà rud agad ri thoirt fonear. A chiad rud, ’se an gaol anabarrach a bh’ aig’ air an òìgh so bu ghlaine o’n t-siorruchd, seadh, mun na tharruing e i a neoni. An ath rud an naomhachd ro-shònraichte dheònaich e thoirt dhi, ’sa h-uile subhailc a chleachd i rè laithean air talamh A thaobh a chiad chuid, feuma’ tu do smaointean a thilgeadh air ais roimh’ h-uile ni a chaidh a chruthachadh, ro’ thìm fein, agus an sìneadh, mar gu’m b’ ann, gu iomall na siorruchd, gus an ruig iad cridhe Dè. Agus gabh beachd air an toil-inntinn mhòir a gabh e ri faicinn pearsa àluinn na tè sin, a bha air a h-òrduchadh lath’-eiginn gu bhith na màthair dha Mhac. As leth na toil-inntinn sin, grios air an neart a tha riatanach a thoirt dhut an aghaidh do naimhdean, gu h-àraidh iad sin a’s mua a tha cur do bhruaillean ort. Dèigh sin gabh beachd air beusan ’s air dianadas glòrmhor na h-òighe so gun choimeas; agus tairg iad air chomla no fos leth do Dhia; a’ dianamh do chulaidh mhathais diu, gu ghràsan a tharruing ort fhein air rèir t’ fheumalachd. An dèis so cuir do chomraich air Iosa, agus guidh air e chuimhneachadh air a mhàthair naoimh, a ghleidh air a siubhal e fad naoi miosan, agus o’n mhionaid an d’ rugadh e, a thug an t-aodhradh [TD 121] a b’ irisle dha, a sealltuinn air mar Dhia is mar dhuine, mar a cruthadair ’sa mhac; a ghabh mòran truais ris na fhulanas sa’ stàpull; a dh àraich e le bainne prìseil, a phòg ’sa ghlac e mìl uair le spèis màthar, agus a fhuilig fad a bheatha is gu h-àraid aig àm a bhàis dòruinn air a shon nach gabh innse. Gach ni dhiu so cuir am fiachaibh dha cho làidir, is gu ’m bi e, mar gu ’m eadh, air èigneachadh gu cluais a thoirt dha t’-achanaich. Mu dheireadh cuir t’ achanaich suas ris an òigh bheannaichte fhein; abair, o na b’ e òrdugh an fhreasdail o ’n t-siorruchd, gu ’m biodh i na màthair trocaire is na dìdean do na peacaich, is an dèis am mic gur ann na h-eadarghuidh a tha do dhòchas a ’s mua: cuir air shùilibh dhi, an rud so a thuirt ioma duine fiosrach, ’sa chomhdaich miarailtean lionor, nach do dh’ iarr neach ’sa bith le creidimh làidir a cobhair nach d’ fhuair fuartachd. An aon fhacal, fiach dhi ciod a dh’ fhuilig a mac gus do shàbhaladh, a los gu ’n glèidh i dhut na gràsan sin a tha riatanach, gu fulangas do Shànair chaoimh a thionndadh gu ghlòir. XLIX. CAIB. Tuille prosnaidh do na peacaich gu earbsa a comhnadh na h-òighe beannnaichte. NEACH air bith a shireas leis an earbsa cheirt ruith fo sgàil na h-òighe beannaichte, thigeadh dha na h-aobhair misnich so a meadhrachadh. 1. Tha fios againn gu ’n glèidh soitheach, anns an robh spìosradh, boladh cùbhraidh seal an dèis a thoirt as; gu h-àraidh ma bha e fad ann, no ma lean dad idir ris; ach ’sgoirid a’ mhaireas am fàile so: ’S ionann e agus teine a chumas blà [TD 122] thu car tamuill as dèis fhàgail. Ma tha so ceart, ciod a their sinn mu charrannachd is mu bhàigh na maighdeine naoimh, a ghiùlan naoi miosan na h-innibh, is fhathasd na cridhe aon mhac Dè, a charrannachd gun tùs gun deireadh? Ma ni tighinn gu teine mòr ar blàthachadh, nach fior, is nach fhiach e chreidsinn, gu feum esan a dhlùthas ri Moire, màthair an iochd, cridhe laiste leis a’ charrannachd is blàithe, a bhith air a bheothachadh, is fàs nas teotha mar trice a chuireas e chomraich oirre, agus mar is mua earbsa agus umlachd na làthair. 2. Creutair cha deach a chruthachadh cho teth gràdh do dh’ Iosa Criosta, is cho striochte ri thoil ri mhàthair naoimh. Air an aobhar sin, ma ’se òrdugh ar Slànair, a dh’ iobair e fein airson peacaich thruagha mar tha sinne, gu ’m biodh a mhàthair fhein, na màthair mar an ciadna dhuinne, na bana-procadair, is na ban-eadarghuidhear air a bhialaobh, cha ’n fhaod i gun ghèilleadh dha achd, no cobhair a dhiùlt dhuinn uair air bith. Na bithemid mata mèirgeach ag iarraidh a tròcair, ruithemid ga h-ionnsuidh anns gach cruaidh chàs le mòr earbsa; is fuaran mathais i nach traogh, is bheir i a tiodhlaicean daonnan seachad air rèir an dòchais a chuirear innte. L. CAIB. Dòigh cràbhaidh agus urnaigh tro eadarghuidh nan naomh agus nan aingeal. GU ruighuinn air dion nan naomh agus nan aingeal, faodar an dà dhòigh so leanail. A chiad dòigh, cuir t’ iomchair air an Athair shiorruidh, is fiach dha na laoidh dhiadhaidh thatar a’ seinn dha ann a’ flathanas, an t-saothair, a’ gheur- [TD 123] leanmhuinn, an t-ànradh ro’ deach na naoimh air talamh airson a ghràidh; grios air an sin, t’ iarratus a thoirt dhut as leth an umhlachd ’sa dìlseachd. An ath dhòigh ’se t’ achanaich a chur suas ris na spioraid bheannaichte sin, a tha fada an geall, cha ’n e mhàin gu ’n ruige’ tu air an naomhachd, ach gu ’n rachadh tu fada thairis orra ann an glòir fhlathanais. Air an aobhar sin dian urnaigh dhùrachdach riu, iad gad chomhnadh gu bristeadh a thoirt a t’ ana-miannan, agus buaidh a chosnadh air naimhdean t’ anma, agus gu h-àraidh iad a bhith cuimhneach ort aig uair do bhàis. Bi air uairibh a’ meadhrachadh ann ad chridhe nan gràsan sònraichte a fhuair iad o ’n Tì ’s àirde, agus biodh aighear ort mar gu ’m bu tu fein a gheobhadh na gibhte sin: seadh, ’s ann nas mua bu chòir t’ aoibhneas a bhith, a chion gu ’m bi toil Dè na fàbhair sin a thoirt daibhsan a raghainn ort fein; agus airson gu ’m b’ i thoil a bh’ ann, thigeadh dhut cliù is moladh a thoirt dha ainm. Gus an dleasnas so fhàgail nas usa is nas rianaile, bhiodh e iomchuidh laithean na seachduine a roinn, ann a’ seòl is gu ’m biodh an latha fhein aig gach buidhean do ’n chuideachda bheannaichte. Air didònaich mata, iarr eadarghuidh cosheirm nan aingeal; air diluain cuir t’achanaich suas ri Eoin Baiste; air dimàirt sir comhnadh nan aithriche naomh’s nam fàidhean; air diciaduin sir cuideachach nan Ostal; air diardaoin biodh do ghuidh ris nam martairean; air dihaoine ris na easbuigeon, agus ris na aidmheilich; air disathurna ris na h-òighean is ris na naoimh eile. Ach lath’ air bith na leig seachad gun chomhnadh na baintearna beannaichte a shireadh, bànruinn nan naomh air fad; agus mar an ciadna cuideachadh t’ aingil chomhaidich, agus Mhìcheil glòrmhor [TD 124] an t-àrd aingeal, is naomh ’sa bith eile ris a’ bheil taobh agad ad cràbhadh. A bharr air so, grios air an Athair shiorruidh, air Iosa Chriosta, air an òigh bheannaichte, gu ’m biodh tu ann a’ seòl sònraichte fo dhion naoimh Iosabh, companach pòsda na h-òighe bu mhua geanmnachd. Cuir do chomraich air, ’s iarr air le mòran umhlachd e gad ghabhail fo chùram. Cha ’n fhaodar innse a liuthad uair a fhuasgaìl an naomh so air an fheadhainn a dh’ iarr a chomaradh a thaobh cuirp no anma: agus gu àraidh nuair a bha feum aca air solus a flathanas, no ceann-ìuil diomhair ’nan urnaigh. Oir ma tha tlachd aig Dia cho mòr do naoimh eile airson an gaoil dha ’s an seirbheis air talamh, de mias agus an onair nach faigh an duine sin, a bha cho mòr na shùilean air talamh, is gu na ghèill, is gu na fhreagair e dha mar athair. LI. CAIB. Smaointean air fulangas Chriosta, agus na gluasadan cridhe bu chòir tighinn uapa. ANNS an dòigh urnaigh agus smaoineachaidh a thugadh seachad martha mu fhulangas Chriosta, chaidh fhiachuinn mar bu chòir an rud tha uainn a shireadh; ach an nis gabhaidh sinn nas faid’ air adhart, agus fiachaidh sinn mar a thige’ do na smaointean sin ar cridhe ghluasad air ioma dòigh. Mar so, ma ’se ceusadh an Dè-duine a thagh thu mar chùis do smaointean, a miasg nichean eile, a bhuineas do ’n mhistire so, faodaidh tu na càsan so thoirt fonear. 1. Nuair a ràinig Iosa sliabh Chalbhari, gu ’n deach’ a rùsgadh le lamhan a luchd-millidh, iad a’ feanneadh dheth a’ chraicinn maille ri [TD 125] aodach, a bha an nis air ragachadh am fuil agus a leanail ri chreuchdan. 2. Gu ’n deach’ a cheann beannaichte a reubadh as ùr le spionadh a’ chrùin dhreaghain dheth, is le sparradh le sgeig air a rithist. 3. Gu ’n deach’ fhasdadh ris a’ chrois le tairngean garbha is le buillean òrd. 4. Nuair nach ruigeadh a lamhan air na tuill a chaidh a tholladh dhaibh san fhiodh, gu ’n deach an tarruing cho làidir is gu na chuireadh a chnàmhan as na h-uilt, agus gu ’m faodhte an cunntadh, (Salm. xxi., 18.) 5. Nuair a chaidh a thogail suas air a’ chrois, agus cudthrom a choluinne a leigeil air na tairngean, gu na mhiadaich sin na lotan a bha na lamhan is na chasan, is gu na leasaich sin gu trom a dhòruinn. Ma ’s math leat leis na smaointean so, no leithidean eile, gaol Dè lasadh ann ad chridhe, fiach le feart smaoineachaidh air àrd eòlas fhaighinn air mathas mòr do Shlànair, a dheònaich dol fo phèin cho trom air do shon. Oir mar is mua a bhios t’ eòlas air a ghaol a thug e dhut, ’s ann is teotha a bhios do ghràdh is do spèis dha. Oir, nuair a chi thu air an dòigh so teas a charrannachd dhut, cha bhiodh ann ach rud dleasnach gu ’m biodh cràdh goirt ann ad chridhe, airson cho tric is cho trom ’sa thug thu tàir dha; an Tì a dh’ iobair e fhein airson do pheacannan. O so gabh air t’ adhart gu gniomhan dòchais, a smaoineachadh agad fhein nach robh ni air bith eil’ ann am beachd an Dè mhòir so air fiodh na croise, ach am peacadh fhuadach as an t-saoghal, do shaoradh o sglàmhachd an deomhain, dioladh airson do pheacannan, do shìth a dhianamh suas ri Athair, agus t’ fhuasgladh as a h-uile h-eiginn. Ach an dèis smaoineachadh [TD 126] air a phàis, ma ghabhas tu beachd air a toradh, ’se sin ma bheir thu fonear gu ’n d’ thug a phàis air folbh peacannan dhaoine, gu na thraogh i fearg a’ bhrithimh mhòir, gu ’n d’ thug i buaidh air cumhachdan iutharna, is air a’ bhàs, gu na lion i àite nan aingeal a thuit a flathanas; tionndaidh do bhròn gu sòlas, agus ’s aobhar miadachaidh air t’ aighir an toileachadh a thugadh do ’n òigh bheannaichte Moire, is do ’n eaglais chathach agus bhuadhach, le coimhlionabh a’ ghnothaich mhòir so, sàbhaladh chlann-daoine. Ma ’s math leat bròn trom a ghluasad ann ad chridhe airson do pheacannan, leag do smaointean air so mhàin; ma dh’ fhuilig Iosa Criost’ urad so do dhòruinn, cuimhnich gur h-ann gu fuath fallain ort fhein a ghluasad unnad a bha e; is gu t’ ana-miannan a ghràineachadh, gu h-àraid an giomh sin a ’s mua a tha na aobhar peacaidh dhut, agus a ’s mua a toirt do mhasladh do Dhia uilechumhachdach. Ma ’s àill leat ioghnadh a thogail, foghnaidh dhut sealltuinn air so a mhàin, nach ’eil aobhar ioghnaidh ann a ’s mua, na gu ’m biodh cruthadair an domhain, agus fuaran na beatha air a riasladh le chreutairean fhein; gu ’m biodh mòralachd Dè a tuiteam, mar gu ’m b’ ann gu neoni; gu ’m biodh an neochiontach a ’s mua air a dhìteadh, àilleachd na maise fo thàir, agus bàite ann an truailleachd; gu ’m biodh cuspair gràidh an Athar shiorruidh fo neopris nan peacach, solus nach urrainn sùil fhaicinn fo chomas chumhachdan an dorchadais; agus gu ’m biodh glòir gun tùs, friamh gach sòlais, càillte ann an tàir san truaighe. Gu truas a ghluasad ann ad chridhe airson fulangas do Shlànair is do Dhè, a thuilleadh air pèin a cholùinne gabh beachd air dòruinn anma, [TD 127] agus chi thu gur h-ann air a leth-astigh is mua gu mòr a fhuair e lèireadh. Oir ma thig tioma air do chridhe o ’n chiad chuid, bu chòir do ’n ath chuid a sgaradh o chèile. San trà sin bha anam Chriost’ a’ faicinn na Diadhachd a chearta cho soilleir ’sa tha e diugh ann am flathanas, ’s math a bha brath aig’ air cho toillteanach ’sa bha Dia air onair; agus o ’n bha ghaol dha gun tomhas, bha toil mhòr aige, gu ’n d’ thugadh creutairean air fad dha gràdh le ’n uile neart.—Ach a’ faicinn na tàir mhòir a bha e faighinn anns gach cearn do ’n t-saoghal o pheacannan gàbhaidh lionor dhaoine, leagh a cridhe le mulad a bha cho trom ri teas a ghràidh, is ri miad a dhùrachd, gu ’m biodh mòralachd Dè na cuspair gaoil, agus na aobhar dianadais aig a h-uile duine. An nis o ’n a bha teas a ghràidh agus a dhùrachd fos cionn aithris beoil, is faoin dhuinn teannadh ri innse le briathran miad na dòruinn a dh’ fhuilig Criosta fo spàirn a bhàis. A bharr air sin, o na bha gaol aig’ an t-Slanair naomh so air clann-daoine fos cionn tomhais, dh’ fheumadh miad agus teas a charrannachd a lionadh le briste-cridhe, a chionn gu ’n sgaradh am peacadh uaith’ iad. Bha fios aige nach b’ urruinn duine tuiteam ann am peacadh bàis, gun a’ charrannachd, agus naomhachd nan gràs a chall, a bha nan ceangal diomhair eadar esan agus na daoine taghte; is bha bristeadh an t-snaim sin na aohhar bròin do Iosa nas mua na bha cur cnàmhan a choluinn’ as na h-uilt: a thaobh is gu ’m beil an t-anam spioradail, ìs mòran nas fìnealta nàdur na cholunn, is nas mua faireachduinn air pian. Ach gun teagamh an rud a ’s mua a ràinig anam ar Slànair bheannaichte, ’se peacannan nan daoine càillte leis na sgaradh gu [TD 128] dìlinn uaith’ iad, gun rathad air aithreachas a feasda. Ma ’s goirt le d’ chridhe a bhith faicinn do Shlànair fo dhòruinn cho trom, lean a chùis nas fhaide, agus chi thu nach ann a mhàin airson nam peacannan a rinn thu, ach airson nam peacannan nach d’ rinn thu, a dh’ fhuilig e cho goirt; oir am boinne mu dheireadh dhe fhuil phrìseil dhoirt e, gus do ghlanadh o ’n chiad chuid, agus do thiarnadh o ’n ath chuid. Creid mi, tha aobhair gun àireamh agad gu pàirt a ghabhail ann am fulangas Iosa na phàis. Thoir fonear fhathast nach robh is nach bi anshocair air creutair nach d’ fhuair easan a chuid dh’ i. Dh’ fhuilig e tàir, masladh, buaireadh, ànradh, call codach, claoidh pearsa, agus sin uile le barrachd pèine na iadsan fein a tha fo eallach an dòruinn. Oir ma athair caomh, is lèirsinneach air a h-uile anshocair a tha tighinn oirnn, a thaobh anma no cuirp, gu ruig’ an trioblaid a ’s lagha, no ceann goirt, cha b’ urruinn a chridhe caoin gun truas a ghabhail ri ’r fulangas. Ach co is urruinn innse cho brònach ’sa bha e mu acain ghoirt a mhàthar bheannaichte.—Gach pian, is gach tàir a fhuilig e na phàis, bu leathsa roinn fhein dhiu; is b’ ionann beachd is inntinn dhaibh le chèile: is ge b’ aotrom a cuidsa do ’n eallach laimh ri chuidsa, dèis sin uile bu trom a’ sac a bh’ air a h-inntinn. Bu leasachadh so air fulangas Iosa, is bu shaighead chràiteach na chridhe. Agus ’se sin a thug air anam diadhaidh a radh; is gu ’n robh cridhe Iosa, mar gu ’m eadh, an àmhuinn theine laiste le gaol Dè, is ’sa loisgadh innte dha dheoin. Ach ciod an t-aobhair a bheir dol ro’ leithid so do dh’ ànradh? Cha robh aobhar ’sa bith eil’ ann, ach ar peacannan. Ime sin an truas ’sam [TD 129] buidheachas a ’s mua a ’s urruinn sinn a bhith againn dha airson na fhuilig e air ar son, ’se gu ’m biodh fior bhròn oirnn airson gach olc a rinn sinn, agus sin as leth a ghaoilse: gu ’m biodh gràin againn air a’ pheacadh fos cionn gach ni; a thaobh ’s gur fuathach leisan e: gu ’n cogamaid daonnan an aghaidh ar n-ana-miannan mar ar naimhdean a ’s mua; is mar sin le cur dhinn an t-seann duine, is gar comhdach fhein leis an duine ùr, gu ’m faodamaid ar n-anam èideadh le subhailcean, aon trusgan a mhaise. LII. CAIB. An toradh a thig o smaoineachadh air a’ chrois, agus o leanail subhailcean Iosa Criosta, a chaidh a cheusadh. ’S MÒR a’ stà a ni e dhuinn a bhith smaoineachadh air a’ chrois, An toiseach bheir e gràin dhuinn air ar peacannan agus dùisgidh e rùn làidir unnainn gleachd an aghaidh ar n-ana-miannan, a cheus ar Slànair, is nach ’eil fhathast marbh unnainn. An ath bhuannachd, mathanas fhaotuinn airson ar peacannan, o Iosa Criosta a chaidh a cheusadh air an son, agus gràsan leis an toir sinn fuath fallain dhuinn fhein, ann a’ rathad is nach toir sinn tàir dha tuilleadh, ach an àite sin gu ’n toir sinn gaol dha, is gu ’n dian sinn a sheirbheis o ’r n-uile chridhe a sin suas, mar bhuidheachas as leth na dh’ fhuilig e air ar son. An treas buannachd, ’se ar prosnadh gu saothair mhòr a gabhail òirnn fhein a spionadh daonnan an nuas ar n-ana-miannan, air an laghad ge saoil sinn iad. An cearamh buannachd, ’se dol gu ’r dùbhlan ag ionnsachadh beusan ar maighistir bheannaichte, a dh’ fhulig am bàs, cha ’n an gu dioladh airson ar peacannan a mhàin [TD 130] ach gu bhith na sgàthan dhuinn air caithe-beatha naoimh agus choimhlion. Thig an dòigh smaoineachaidh so a leanail gu mòr stà dhuinn. Ma ’s math leat faighidin do Shlànair ionnsachadh a raghainn air subhailc air bith eile, agus a h-uile crois a thig ad rathad a ghiùlan gu math, gabh dea-bheachd air na puincean so. 1. Ciod a rinn anam Ios’ air a’ chrois airson Dè. 2. Ciod a rinn Dia airson anma Iosa. 3. Ciod a rinn anam Ios’ air a shon fhein ’s airson a choluinne. 4. Ciod a rinn anam Ios’ air ar sonne. 5. Ciod bu chòir dhuinne a dhianamh airson Iosa. 1. Smaonich an toiseach, gu na dh’ amhairc anam Iosa, ’se bàite am boillsgean na diadhachd, air an Tì sin a tha cho neochriochnaichte is cho do-rannsaichte, is gur neoni gach creutair na fhianais, gun seachnadh air an fheadhainn a ’s àirde glòir: dh’ amhaìrc e’, tha mi radh, air an Tì mhòir sin, is gun laghdachadh ’sa bith air a ghlòir ’s air a mhaise dhiadhaidh fhein, dh’ umhlaich e e fhein cho iosal, is gu ’n dh’ fhuilig e h-uile seòrsa tàir o dhaoine aingidh gun bhàigh; agus an sin thug e aoradh do mhòralachd Dè, a’ toirt mìle tàing dha, ’sa gabhail fos laimh gach ni gus a sheirbheiseachadh. 2. Seall air an laimh eile, ciod a rinn Dia airson anma Iosa; thoir an aire gu ’m bi thoil, as leth a’ ghaoil bh’ aig’ oirnne, gu ’m fuiligeadh a Mhac, bu ro-ionmhuinn leis, beumaibh, truailleadh le smugaidean, blaisbheum, a reubadh le cuipean, a chrùnadh le drisean, agus a thàirngeadh ris a’ chrois. Feuch gu ’m bu ro-ait leis fhaicinn na bhall fanaid agus dòruinn airson gnothaich cho urramach. 3. Seall a nis air anam Iosa, is thoir an aire, nach luaithe thuig e a mhiad ’sa bha thlachd aig [TD 131] Dia air e dh’ fhulang, na ghèill e dha thoil anns gach ni le mòr aoibhneas; agus rinn e sin airson a ghaoil a bh’ aig’ air an Diadhachd glòrmhor le buadhan àillidh gun aireamh; no airson nan tiodhlaicean sònraichte a fhuair e fhein. Co is urruinn innse an dèidh a bh’ aig’ air croisean. Dh’ iarr e gu fulangas air a h-uile dòigh, is an uair nach robh e faighinn sin gu mhiann, liubhair e e fhein seachad do mhìrun dhaoine mollaichte is do chumhachdan iutharna. 4. An sin tionndaidh do shùilean air Iosa, ’se labhairt gu caoimhneil ruit a miadhoin a dhòruinn air an dòigh so: Feuch cho truaigh ’sa tha mise air mo chàradh as leth do thoilse, a tha cho rag is nach lub i do ’n chuing a ’s lagha gu mise thoileachadh! Feuch a’ spàirn chruaidh anns a’ bheil mi, gun bheachd air bith eil’ agam, ach faighidin ionnsachadh dhutsa. ’Si mo chomraich ort as leth mo phiantan uile, gu ’n gabhadh tu gu deònach a’ chrois so uam an dràsda, is gach crois eil’ a chuireas mi ad rathad an dèigh so. Thoir seachad do chliù do sglàmhruinn, do cholunn do mhìrun luchd-geurleanmhuinn, a leigheas mise mar dhiachuinn ort, ge bu daoine gun diù ’sgun bhàigh iad. O nach tuige’ tu miad mo shòlais ri t’ fhaighidin is ri t’ umhlachd! Ach ciamar a dh’ fhaodhas so a’ bhith an aineol ort, agus mo lotan am fradharc do shùl, a choisin dhut le m’ fhuil a dhortadh na subhailcean sin leis bu mhath leam t’ anam èideadh, a tha nas prìseile leamsa na mo bheatha. Ma dheònaich mi dol fo ànradh cho trom air do shonsa, nach faoda’ tusa beagan anshocrach a ghiùlan air mo shonsa, mar laghdachadh air eallach mo dhòruinn. An diùlt thu na creuchdan sin a dhùnadh a dh’ fhosgail do mhi-faighidin, a ’s mua tha gam lèireadh na bha mo lotan? [TD 132] 5. Seall co tha labhuirt riut air an dòigh so, agus chi thu gur e Iosa Criosta fhein a t’ ann, rìgh na glòrach, fior Dhia, agus fior dhuine.—Seall air miad umhlachd is air truimead a phèine, a tha toirt barr air toillteanas a choirich a ’s miosa. Gabh ioghnadh ri fhaicinn am miadhoin ànraidh, cha ’n ann a mhàin stèidheil misneachail, ach làn aighir is aoibhneis, mar gu ’m b’ e lath’ a phàis là greadhnais a bhuadh. Mar thèid ùirneis am braisead le beagan uisge a chrathadh oirre, ’samhuil sin bu bheag na shùilean na dh’ fhulig e, le miad a ghràidh ’sa thoil air tuilleadh anshocrach a ghiùlan. Thoir an aire cuideachd nach e beirt-èiginn na buannachd a chuir uig’ e, ach gluasad a ghràidh bu ghlaine, is mar dh’ innis e, gu sàmhla thoirt dhut mar is còir dhut an fhaighidin a cleachdadh. Air an aobhar sin iarr gu làn eòlas air na nichean a tha e a’ cur mu d’ choinneamh, agus tuig gur toileachadh mòr leis gu’n cuire’ tu an gniomh an t-subhailc so: an sin cuir romhad gu làidir a’ chrois sin a tha cur farrain ort a ghiùlan, cha ’n ann a mhàin gu faighidneach ach gu sòlasach, agus croisean a ’s truime cuideachd, gus thu fhein a dhianamh coltach ri Criost’ a chaidh a cheusadh, is thu fhein fhàgail taitneach na shùilean. Seall air a h-uile pian is tàir a dh’ fhuilig e na phàis, ’sa gabhail ioghnaidh as a chruadal, biodh nàir’ ort as do laigse fhein. Amhairc air t’ fhulangas fhein an coimheas ri àmhghar mar fhaileas faoin, agus tuig agad fhein, nach ’eil thu ann ad fhaighidin ri shàmhlachadh risan. Na gabh eagal a ni air bith cho mòr ri bhith diùlt fulang airson do Shlànair, agus smaointean ’sa bith a dh’ èireas do ’n t-seòrsa so ad inntinn, fuadaich uat iad mar theachdairean iutharna. [TD 133] Amhairc air Ios’ air a chrois mar leabhar beannaichte, bu chòir dhut a bhith leughadh an comhnuidh, gu ruighinn air na subhailcean a ’s àirde. So an leabhar ris a’ faodar leabhar na beatha a chantuinn le fìrinn, (Tais. iii. 5) a bheir solus do ’n inntinn le theagasg, agus teas do ’n toil le shàmla. Tha saoghal làn leabhraichean, is ge b’ urruinn thu a leughadh air fad, cha bhiodh lèirsinn air an olc a sheachnadh, agus a’ math a dhianamh cho sollier dhut ri coimhead air Dia ceusda. Ach chuimhnich gu bheil feadhainn ann, a bheir uair do thìm air caoidh ar Slànair na phàis, ’sa gabhail ioghnadh as faighidin, a chailleas an dèis sin uile, anns a chiad diachuinn a thig nan rathad, am faighidin, mar nach smaoinicheadh iad riamh air a phàis. ’S ionann iad sin, faoda’ mi radh, agus saighdearan gealtach, nach labhair mu ni na pailliuin ach mu ghaisgeachd, ach air a chiad shealladh do ’n namhaid a theicheas gu nàrach air folbh. Oir de chùis mhaslaidh a ’s mua, na bhith smaoineachadh, ag gabhail ioghnaidh, ’sam moladh beusan ar Slànair, agus an dearmad air ball agus an diochuimhneachadh, nuair e thig aobhar na rathad, an cleachdadh. LIII. CAIB. Air Corp Chriost. THUG mi ionnsuidh, mar tha thu faicinn, air ceathair seòrsa do dh’ airm spioradail a chur ad lamhan, agus dh’fhiach mi an dòigh air an iomairt mar is còir; An rud a tha nis ri chur fo d’ shùilean, ’se an comhnadh mòr a gheobh thu o chorp naomh an Tighearna, gus do naimhdean a cheannsachadh, a tha dol eadar thu agus coimhlionachd agus sàbhaladh t’ anma. O ’n is i so [TD 134] sàcramaid is uaisle agus a mua brìgh do na sàcramaidean uile, ’si ball-airm a ’s mua càil an aghaidh cumhachdean iutharna. Aig na ceithir buill-airm air na labhair mi, cha ’n ’eil a’ bheag a neart, ach na h-aca o thoillteannas Iosa Criosta, is o na gràsan a choisinn fhuil dhuinn; ach tha Iosa Criosta fhein anns an t-sàcramaid so, eadar chorp agus fhuil, anam agus dhiadhachd. A’ chiad armachd tha againn o Dhia, gus ar naimhdean a smachdachadh tro’ Iosa Criosta, ach tha an ath armachd so gus an ceansachadh comhla ri Iosa Criosta fhein; oir le ithe’ fheola is le òl fhala, tha sinn a’ gabhail comhnuidh ann is esan unnainne. Ach mar a dh’ fhaodas sinn fheoil ithe’ is fhuil òl air dà dhòigh, an rathad corporra a h-uile latha, sa’ rathad spioradail gach uair dhe ’n latha, (oir gach seòl dhiu sin tha tarbhach agus naomh) tha seòl ipioradail ri chleachdadh cho tric ’sa ghabhas e dianamh, ’sa seòl corporra cho bichionta ’sa tha e freagrach. LIV. CAIB. An dòigh air an còir an t-sàcramaid naomh so ghlacail. ’S IOMADH aobhar a tha gar prosnachadh gu tighinn ionnsuidh na sàcramaide naoimh so. Ime sin tha rud is rud ri choimhead air ann an tri amanan sònruichte, ro’ chomaine, an àm comaine, is na dèigh. Ro’ chomaine, ge brith aobhar a tha toirt oirnn a glacail, cha ’n fhaod sinn diochuimhn’ a dhianamh air ar n-anam a ghlanadh le sàcramaid na faoisid, ma ses gu bheil peacadh bàis air. An dèigh sin cha ’n fhuilear dhuinn sinn fhein a thairgse’ do dh’ Iosa Criosta gu treibhdhireach, ’s ar anam le uile bhuadhan a liubh- [TD 135] airt seachad dha gu sheirbheis, a chionn is gu bheil esan ga thoirt fhein dhuinne gu h-iomlan, eadar fhuil agus fheoil, anam agus dhiadhachd, maille ri ionmhas pailt a thoillteanais. Ach o nach ’eil blagh ’sa bith anns na bheil sinn a tairgse’ dha laimh ris na tiodhlaicean a tha e a’ buileachadh oirnn, bu chòir dhuinn toillteanas uile chreutairean an domhain òrduchadh againn fhein, gus gu ’m b’ fhiach ar tairgse tighinn am fianuis mòralachd gun choimeas Dè. Ma ’se buaidh a thoirt air naimhdean spioradail ar n-anma, a tha nar beachd ann an tighinn dh’ ionnsuidh comaine, smaoinichemid began laithe ro’ laimh air an dèigh mhòir a th’ aig’ ar Slànair, air tighinn ionnsuidh ar n-anma anns an t-sàcramaid so, agus comhnuidh ghabhail unnainn, agus ar neartachadh gus ar naimhdean a chlaoidh. Cho fad ’sa tha e an geall air tighinn ugainn cha ’n fhaodar innse’. Ach gu barail a thoirt air so, fiiachamaid ris an dà rud so mhiasrachadh, a h-aon dhiu, ’se an toil mhòr bh’ aig’ a’ ghliocas dhaonnda air comhnuidh ghabhail ’nar miasg, a’ cantuinn a thoil-inntinn ris. (Gnà viii. 3.) An ath rud, a’ ghràin fhuathasach a th’ aig’ air a’ pheacadh bhàis, mar stairneach a tha dol eadar e agus snaim ruinn mar bu math leis, is a tha mar phuinsean cur as do bhuadhan Dè cho fad ’sa urruinn e. Oir feuma’ Dia, mar fhuaran gach mathais, mar sholus fìrinneach, mar mhaise gun ghiomh, fuath thoirt do ’n pheacadh, a tha làn uilc dòrchadais agus truailleachd. Tha sgreatachd a th’ aige roimhe cho gàbhaidh, is nach ’eil ni a rinn e san t-seann tiomnadh, no san tiomnadh nuadh, no dh’ fhuilig Mac Dè na bheatha sna phàis, nach ann gu cur as do ’n pheacadh a bha e. ’S ioma naomh mòr a chaidh cho fad ’sa chantuinn, gu [TD 136] ’n dùraigeadh Dia a Mhac, ge ionmhuinn leis, a dh’ fhulang a’ bhàis mìl’ uair, na biodh sin riatanach, gus am peacadh bu lagha thoirt air folbh. Dèis duinn leis an dà smaoineachadh so barail lag a thoirt air an dèidh mhòir a th’ aig ar Slànair air tighinn ionnsuidh ar n-anma; gus iadsan a tha na naimhdean dha fhein agus dhuinne a sgrios gu dìlinn; bu chòir dhuinn iarraidh ga ionnsuidh gu dian, agus fhiachuinn gu bheil sinn tur an geall air a ghlacail. Eiridh ar misneach leis an dùil a th’ againn ri thighinn, agus neartaichear sinn gu gleachd an aghaidh a’ phriomh-pheacaidh sin ris a’ bheil ar strì, le bhith a’ cur an gniomh cho tric agus is urruinn sinn an t-subhailc sin a tha ga chlaoidh, gu h-àraid anamuch agus much ro’ chomaine. An trà a bhios sinn dìreach a’ dol gu bòrd an Tighearna, gabhamaid beachd car mionaid air a h-uile h-olc a rinn sinn o ghabh sinn corp an Tighearna roimhe, agus, gu fior bhròn a mhosgladh ’nar cridhe thugamaid fonear, gu na pheacaidh sinn le cho beag faireachduinn, is ged nach bàsaicheadh Dia idir air ar son; is aobhar nàire dhuinn so maraon agus eagail, gu ’m b’ annsa leinn gèilleadh gar toil fhein ann a’ rud neoneach, na striochdadh mar bu chòir dhuinn do mhaighistir cho caomh. Ach a’ tuigsinn againn fhein gur i toil Dè, ged is mi-thàingeil agus mi-dhleasnach sinn, e fhein a thoirt duinn, agus ar cuireadh gu ghlacail, thigemid ga ionnsuidh le dòchas mòr, a’ fosgladh ar cridhe dha gu tighinn a steach ann, agus ga dhùnadh an sin mu ’n tàr miann truaillidh air bith a stigh ann. An dèis comaine ghlacail, leagamaid ar beachd gu trom air Dia, a’ toirt aoraidh dha leis an umhlachd a ’s mua, agus a’ cantuinn ’nar cridhe; Tha thu faicinn, a Dhè, m’ anma, is cho buailteach [TD 137] is a tha e do ’n pheacadh, tha thu faicinn mar tha am peacadh àraidh so a’ cosnadh orm, gun chomas agam air cur na aghaidh leam fhein. ’S ann agadsa a tha ’m blàr ri chur, agus ma bhios pàirt agamsa ann, ’s ann uatsa mhàin tha m’ earbsa ri buaidh An sin a’ cur ar comraich air an Athair shiorruidh, tairgemid dha a Mhac ionmhuinn, a thugadh dhuinn a nis, is a tha gabhail comhnuidh unnainn; tairgemid dha e mar bhuidheachas airson nan tiodhlaicean a fhuair sinn, is mar chulaidh chomhnaidh troimhese gu làn bhuaidh fhaighinn oirnn fhein. An aon fhacal cuiremid romhainn cath gu cruadalach an aghaidh an namhaid sin a ’s mua tha a’ cur dhragh oirnn, agus faodaidh sùil a bhith againn ri buaidh; oir mur ’eil a’ choire againn fein, luath no mall èiridh an gnothach leinn le comaradh Dè. LV. CAIB. An dòigh a nitear deas airsan comaine gu gaol Dè lasadh ’nar chridheachan. MA ’se gaol Dè fhadadh ’nar cridheachan a tha ’nar beachd ann an tighinn gu comaine, is còir dhuinn cuimhneachadh air a’ ghaol a thug Dia dhuinn fhein. Mar so nitear an t-uidheamachadh sin, thugamaid fonear gu grunndail, nach fhoghnadh leis an àrd Righ, ga bheil cumhachd is mòralachd gun chrioch, ar cruthachadh ri iomhaigh fhein is ri dhealbh, agus aon Mhac fhein a chur gar n-ionnsuidh gus ar peacannan a nigheadh uainn, le beatha ànrach thri bhadhn, diag ’ar fhichead, is le bàs air a’ chrois, a bha cho cràiteach ’sa bha e maslach; ach a thuilleadh air sin, bhuilich e e fhein oirnn anns an t-sà- [TD 138] cramaid so, mar thiachd-an-tir is mar fhurtachd dhuinn anns gach èiginn. 1. Gabh mar so dea-bheachd air a’ ghràdh so, a bha cho mòr is cho sònraichte. A thaobh ùine, chi sinn gu ’n robh a ghaol dhuinn o t-siorruchd, agus gun tùs riamh. Oir mar bha Dia fhein o ’n t-siorruchd, fhad sin bha ghaol air mac-an duine, gu ruig a Mhac fhein a thoirt da anns an t-seòl dhiomhair so. Ime sin abair le teum do shòlas; Is fior, gu ’n robh mias agus gaol aig Dia ormsa, ged is creutair truagh mi, o ’n t-siorruchd smaoinich e orm, agus chuir e roimhe mo bheathachadh agus m’ àrach le fuil is feoil aona Mhic fhein. 2. Tha ’n dèidh a ’s mua a dh’ fhaodas a bhith againn air rudan talmhaidh, cuimte, gann, criochnaichte; ach an gràdh a th’ aig Dia dhuinn tha gun iomall gun chrioch. Is gus a chomhdach chuir e ugainn a Mhac, co-ionann ris fhein na nàdar is na bhuadhan. Is mar sin tha an tobhartas cho mòr ris a ghràdh, agus an gràdh cho mòr ris an tobhartas; ’s iad le chèile gun chrioch, agus fos cionn tuigse chreutairean. 3. Gu gaol a thoirt duinn mar so, cha ’n robh aobhar prosnachaidh ’sa bith eil’ aig’ ach teas a ghràidh, a bha daonnan tograch air a thiodhlaicean a bhuileachadh òirnn. 4. Math ’sa bith cha d’ rinn sinn, an gniomh a ’s lagha cha robb againn, a thoilleadh dhuinn a ghràdh; agus ma thug e gaol cho anabarrach dhuinn, ma liubhair e e fhein seachad dhuinn gu h-iomlan, ’s ann o charrannachd gun chrioch a thàinig sin. 5. Bha spèis a bh’ aig’ dhuinn ro-fhìrinneach, is gun an claonadh bu lagha gu bhuanachd fhein, ao-coltach mar sin ri càirdeas an t-saoghail so. Oir ciod ar math dhasan, aig a’ bheil bun gach [TD 139] sonais is glòir ann fhein? Ime sin nuair a thaomas e òirnn a mhathas, ’se ar buannachdsa a tha na bheachd. Leis a’ smaoineachadh so, abradh a h-uile h-aon ann fein: Co shaoileadh, O Thighearna, gu ’n d’ thughadh tusa, a Dhè na mòralachd gun tomhas, spèis dhomhsa, creutair cho dìblidh is cho truagh? Ciod an reuson a bh’ agad, o righ na glòrach? Ciod an dùil a bh’ agad o ùir is o luath? ’S ann o ’n charrannach sin a tha dearrsadh mu chuairt dhut, ’s ann o ’n teine sin a tha toirt soluis is càil dhomh, a tha mi tuigsinn gur ann o aon reuson a thruth do gràdh cho saor, agus ’se sin; thug thu an t-sàcramaid so dhomh, gus mo thionndadh gu d’ nàdar fhein, gus mi chomhnuidh unnadsa agus thus’ unnamsa: gus mo shnaim riut fhein cho teann is gu fàsainn coltach riut, is gus gu’n tionndadh mo chridhe talmhaidh gu cridhe spioradail agus naomh mar a th’agadsa. An dèis so biomaid làn aighir is ioghnaidh as an dearbhadh a thug Mac Dè dhuinn air miad a spèis dhuinn ’sa ghràidh; a’ tuigsinn againn fhein mata, gur e an aon ni a tha na bheachd ar cridhe thàladh air fhein gu h-iomlan, le dhealachadh o chreutairean, is fhasdadh ris fhein, tairgemid sinn fhein dha mar làn iobairt; ann a’ rathad is nach bi ar toil, meamhair, agus tuigse ag iarraidh gu rud air bith eil’ ach gaol a thoirt da agus a thoileachadh. An sin a’ faicinn gu bheil sinn tur ana-comasach as sinn fhein gun a comhnadh, air sinn fhein uidheamachadh ceart gus an t-sàcramaid naomh so ghlacail, fosglamaid ar cridhe gu ruighinn air an deisealachd so, le dearrsaichean ealamh smaointean, mar shaighdean teth o ’r cridhe: Mar so; O arain na flathas, cuin a thig thu am ionnsuidh, ’san leagh mi ann an teine naomh do ghràidh! [TD 140] Cuin’ a’ bhios mi, o riamh na carrannachd naoimh, O arain na beatha, cuin’ a bhios mi, beo unnadsa, leatsa, is air do shonsa mhàin? O mhana na flathas! O bheatha m’ anma! O bhrìgh na beatha shiorruidh! Cuin’ a thig an latha sin, anns am bi mi gun toirt do ’n h-uile ni talmhaidh, is gu ’n iarr mi mo lòn unnadsa mhàin? O àrd shonais! O aon luaidh mo chridhe! Cuin’ a chi mi an là aoibhinn sin? Saor, O mo Dhia, saor mo chridhe gun dàil o sglàmachd m’ ana-miannan is mo pheacannan; agus comhdach e le subhailcean diadhaidh, caisg gach rùn ann, ach do ghaol, is dèidh air do thoileachadh; an sin fosglaidh mi dhut e, a’ griosad thu bhith cho math is tighinn a steach ann, cha ’n fhaod thu gun tighinn, is gu ’m bheil teas mo ghaoil a’ cur èiginn ort. Ugam feuma’ tu tighinn, o m’ annsachd is m’ ulaidh ad aonar; is nuair a thig thu, cha ’n fhaod ni ar bith toradh do ghràs a’ stopadh. Le smaointean tairis blàth mar so bu chòir dhuinn ar cridhe theothadh, gu h-àraid mu fheasgar agus anns a mhaduinn ro’ chomaine. An uair a thairngeas an t-àm am fagus, bu chòir dhuinn beachdachadh gu math air an Tì a tha sinn a dol a ghlacail; cha lagha na Mac an Dè bheo, mòralachd gun chrioch, fo n’ crith flathanas ’sa chumhachdan uile le fiamh, ’se naomh nan naomh a t’ ann, sgàthan na glaine, àilleachd na maise cho mòr, is gu bheil gach ni na làthair fo ghiomh. ’Se Dia th’ ann fo thrusgan na h-umhlachd, a dhèonaich, ged is ann aig’ tha comas na beatha ’sa bhàis. e fhein umhlachadh gus ar sàbhaladh cho iosal ri boiteig an talmhuinn, ’sa bha na bhall fonaid aig gràisg, na chulaidh neopris is sgeig aig daoine, na chuspair smugaidean tàir is pàis chruaidh aig daoifhearean gun bhàigh. Seall air an laimhe eile gur [TD 141] neoni asad fhein thu, gu ’n dh’ islich do pheacannan thu fo ’n chreutair a ’s truaighe, seadh, fo na h-ainmhidhean fhein; an aon fhacal thoill thu a bhith fo chasan nan deomhan. Thoir an aire, an àit’ a bhith tàingeil airson nan gràsan lionor a fhuair thu, gur ann a thug thu tàir dha d’ Shlànair gun athadh, a’ saltairt air an fhuil a cheannaich thu. Dèis sin uile, cha d’ fhuaraich do mhi-thàingealachd teas buan a charrannachd; a dh’ aindeoin gach ni chaidh seach, tha e g’ iarraidh ort tighinn gu cuirm a bhùird, is cha e cho fad o d’ dhùilt, is gur h-ann a tha e a’ maoidheadh a’ bhàis ort, mur d’ thig thu. Tha gairdeanean an Athar chaoimh so an comhnuidh sgaoilte gus do ghlacail: agus ged is ionann thu na làthair is lobhar, cripleach, dall, no spealg do ’n deomhan, is rud a ’s miosa na sin uile làn do ’n pheacadh, cha ’n ’eil e a’ teicheadh uat, no toirt fuath dhut; an t-aon rud a tha e sireadh ort, ’se so. 1. Aithreachas goirt a ghabhal airson na tàir fhuathasaich a thug thu dha. 2. Grain a thoirt do ’n pheacadh fos cionn gach ni. 3. A’ bhith deas an comhnuidh gu thoil a dhianamh, gu toileach agus gu h-inntinneach anns a h-uile càs. 4. Earbsa làidir a bhith agad gu math e dhut do pheacannan, gu ’n glan e dhiot a h-uile smal, is gu ’n teasraig e thu o d’ uile naimhdean. Mar so gabh misneach, le bhith smaoineachadh air a spèis a th’ aig’ air na peacaich aithreachail, agus rach air t’ adhart gus am bòrd naomh le fiamh air bharr dòchais agus gràidh: ag canntuinn: Cha ’n fhiach, mi do ghlacail, o mo Dhia, an dèis peacachadh cho trom, gun làn phàidheadh a thoirt dha d’ cheartas air a son. Cha ’n fhiach, o mo Dhia, cha ’n fhiach mi do ghabhail, is mi salach le spèis do chreutairean, [TD 142] is gun toiseachadh fhathast air gaol a thoirt dut agus do sheirbheiseachadh le ’m uile chridhe. O mo Dhia, na dian diòchuimhn’ air do mhòr mhathas, na dian diochuimhn’ air do ghealladh, dianadh creideamh agus gràdh an rathad rèidh dhomh ad ionnsuidh. An dèis comaine ghlacail leag t’inntinn gu tur air Dia, ’s am fuadach gach ni eil’ o d’ chridhe, cuir furan air do Shlànair le briathran mar so, no leithid: O àrd righ na flathas, ciamar a dh’ aom thu sios cho fad, is gu ’n d’ thige’ tu choimhead air creutair cho bochd truagh dall riumsa? O ghràidh shiorruidh, de tha thu sireadh ormsa? Cha ’n ’eil ach gaol, se fhreagras e; is their thusa; O ghráidh shiorruidh, ciod a ’s àill leat uam; their esan; teine eile cha ’n àill leam ad t’ uchd ach a’ charrannachd; so an teine a loisgeas air falbh t’ ana-mìannan truaillidh, a bhlathaicheas do chridhe, agus a ni iobairt chùbhraidh dheth domhsa. So an rud air an robh mi fad an geall o chian; agus air a’ bheil mi fhathast tìtheach, ’se sin gu m biodh tu leamsa gu h-iomlan, agus mise leatsa; rud nach urruinn tachairt fad a bhios tu a’ cur cùl ri m’ thoilse, ’sa ruith air do thoil fhein, a tha an comhnuidh an geall air saorsuinn ’s air faoineis shaoghalta. Biodh brath agad mata, gur e an rud a tha uam, gu ’n d’ thugadh tu fuath dhut fhein, gus gaol a bhith agad ormsa mhàin, thoir dhomh do chridhe gu a cheangal ri m’ chridhe fhein, a chaidh fhosgladh air a’ chrois gu dorus a dhianmh dha. Is aithn, dhut co mi, is tha fios agad cuideachd gu na thog mi gu bheag gu ’m choimeas fhein thu le miad mo gràidh. Bhuilich mi mi fhein ort gu h-iomlan, thusa gu h-iomlan tha mi a’ tagairt airson mo gràidh. Bi leam, is tha mi làn thoilichte; na h-iarr dad ach mi, na smaoinich air [TD 143] dad ach orm, seall orm, is èisd rium a mhàin, ann a’ rathad is gu m’ bi mi nam chuspair smaointean is gràidh dhut am aonair: is mar sin gu ’n oibriche’ tu unnam agus tromham, is gu ’m biodh, mar gu ’m eadh, do neoneachd bàite ann an aibheis mo mhòrachd, is gu m’ biodh tu sona unnamsa, agus mo chomhnuidh unnadsa. Mar dhruideadh, tairg suas do ’n Athair shiorruidh a Mhac ionmhuinn. 1. Mar thàing airson nan gràsan a bhuilich e ort ga thoirt fhein dhut. 2. Gus na nichean fhaighinn a tha feumail dhut fhein, no do n’ eaglais air fad, no gad chàirdean is gad luchd-mathais, no do na h-anmaibh am purgadair; agus naisg an tairgse so ris an iobairt a rinn Mac Dè dhe fhein air fiodh na croise, an trà a liubhair e e fhein do ’n Athair, ’se làn fala agus chreuchdan, mar chulaidh theasraiginn chlann-daoine. Anns a’ bheachd chiadna, faodar iobairt na h-altarach, a thàs an là sin a’ cur suas feadh an t-saoghail chriostail, a thairgse do Dhia. LVI. CAIB. Air Comaine Spioradail. GED nach fhaodar an t-sàcramaid naomh fhein a ghabheil ach aon uair ’sa latha an car a ’s trice, tha làn chomas agad, mar a thuirt mi, air comaine a ghabhail ann a’ seòl spioradail, a h-uil uair dhe latha; agus ni cha ’n urruinn dol eadar thu agus sonas cho mòr ach do leisg fhein. Agus ’s rud e a ’s còir innse, gu ’m bheil comaine spioradail air uairibh nas mua stà do ’n anam, is nas taitniche an làthair Dè. na iomada comaine chorporra air bheag uidheamachd agus faireachduinn. Air an aobhar sin, nuair a’ bhios dèidh agad air Mac Dè ghlacail ann a’ rathad spioradail, faod a’ tu a bhith cinnteach gu bheil e deas [TD 144] gus e fhein a thoirt dhut mar lòn is mor bheathachadh. Mar uidheamachadh, tionndaidh do smaointean air Iosa, agus an dèis dhut rud-eiginn beachd a ghabhail air do pheacannan, fiach dha gu bheil t’ aithreachas trom air a son. An sin grios air le umhlachd mhòir is le creideamh beo, gu ’n deònaicheadh e tighinn ionnsuidh do chridhe, ’sa lionadh le gràsan ùra, gus a laigse a leigheas, ’sa dhion o rùn a naimhdean. A h-uil’ h-uair a chlaoidheas tu a h-aon air bith dhe t’ ana-miannam, no chuireas tu subhailc an gniomh, dian do chulaidh mhathais dhe sin, gu do chridhe uidheamachadh airson Mhic Dè, is gur ann air do chridhe a tha e an geall: an sin cuir t’ achanaich ris, is iarr air gu dùrachdach e thighinn ad ionnsuidh le feartan a ghràs, mar lèigh t’ anma, is mar bhuachaille cumhachdach air do chridhe am miasg uile naimhdean. Cuimhnich cuideachd air an t-sàcramaid mu dheireadh a ghlac thu, agus gu gaol do Shlànair a bheothachadh ann ad chridhe, abair ris; Cuin, O ma Dhia, a ghabhas mi rithist thu? Cuin a thig lath’ an àigh ud as ùr? Ach ma ’s math leat comaine spioradail a ghabhail le barrachd cràbhaidh, tòisich air dianamh deas mu oidhche, agus biodh a h-uile peanas a chuireas tu ort fhein, ’sa h-uile subhailc a chleachdas tu, ’nan uidhemachadh dhut gu do Shlànair caomh a ghabhail ann an rathad spioradail. An àm dusgaidh ’sa mhaduinn smaoinich air a’ bhuannachd mhòr a thig ugad o chomaine naoimh; oir le comaine tha an t-anam a’ gleidheadh air ais nan subhailcean a chàill e, a faighinn a rithist a chiod naomhachd, a toilltinn toradh na croise, agus a’ dianamh gniomha, a tha ro-thaitneach leis anAthair shiorruidh, a tha fad’ [TD 145] an geall air brìgh na sàcramaid so a bhith aig’ a h-uile duine. Ime sin, dùisg dèidh mhòr ann ad t’anam air a glacail gus a thoileachadh: agus anns an inntinn sin a’ cantuinn; O Thighearna, o nach fhaod mi do ghabhail gu riochdail anns an t-sàcramaid fhein, biodh an gnothach air a rian le d’ mhathas, is le d’ chumhachd mhòir, ann a rathad is gu ’n toill mi, is mi glan o gach s smal peacaidh, agus air mo leigheas o gach eugail, do ghlacail ann a’ spiorad an dràsd’, is gach là, is uair; air chor is gu ’m bi mi cho fad air mo neartachadh le gràsan ùra, is gu n’ cuir mi an aghaidh mo naimhdean gu misneachail, gu h-àraid an aghaidh a’ ghiomh sin ris a’ bheil mo strì an dràsd, as leth do ghaoilse. LVII. CAIB. Air buidheachas. O ’N a tha gach ni math a th’ againn, no rinn sinn, a’ tighinn o Dia, agus a’ buntuinn dha, tha mar fhiachaibh òirnn an ceartas a bhith sior thort tàinge dha airson gach gniomh math a rinn sinn, airson gach buaidh a choisinn sinn oirnn fhein, an aon fhacal airson gach tiodhlaic a fhuair sinn air chomhla no fos leth o laimh èil. Ach gus an gnothach so a dhianamh ceart, smaoinichemid againn fhein carson a thaom e mar so a mhathas oirnn; fiachaidh so dhuinn an t-alt air an còir dhuinn buidheachas a thoirt seachad. O ’n is ann gu ghlòir fhein a chur air adhart, agus sinn’ a tharruing gu sheirbheis, an t-àrd bheachd bh’ aig Dia ann am buileachadh a mhathais oirnn; abradh gach neach an toiseach ris fhein, nach mòr an dearbhadh a th’ agamsa air mòr mhathas Dè anns an tiodhlaic so, agus mar [TD 146] an ciadna air a ghliocas is air a chumhachd? an sin, a’ tuigsinn aige fhein nach ’eil e na chomas fàbhar cho mòr a thoilltinn, is gur olc an airidh air e as leth a mhi-thàingeallachd fhuthasaich; abradh e le mòran umhlachd; Ciamar, O Thighearna, is urruinn thu a’ mias a ’s lagha a bhith agad ar an neach a ’s suaraiche dhe d’ chreutairean uile? Nach saoibhir do thròcair, nuair a tha thu taomadh do ghràsan air peacach cho truagh riumsa? Cliù siorruidh gu ’n robh dha d’ ainm naomh! An aon fhacal, o ’nach ’eil pàidheadh ’sa bith eile ga shireadh airson tiodhlaicean cho lionor is cho mòr, ach gaol is sheirbheis a thoirt do ’n Tì a tha gan toirt seachad, lasadh a chridhe suas le gniomhan buidheachais agus gràidh do Dhia, a bha cho càirdeil ris, is le dèidh a thoil bheannaichte a dhianamh anns a h-uile ni. ’Se druideadh na cùis, faodaidh e e fhein a thairgse suas do Dbia air an dòigh so a leanas. LVIII. CAIB. Mar is còir dhuinn sinn fhein a thairgse do Dhia. Dà ni tha ri thoirt fonear, ma tha mhiann oirnn gu ’m biodh ar tairgse taitneach do Dhia. A’ chiad rud, gu ’m biodh i an co-pàirt nan tairgsean sin uile a chuir Mac Dè suas na beath’ air talamh; an ath rud gu ’m biodh ar cridhe saor o gach miann saoghalta. A thaobh a’ chiad rud, thugamaid fonear gu na thairg ar Slànair naomh, ’se bhos air talamh, cha ’n e mhàin e fhein ’sa ghniomhan do ’n Athair shiorruidh, ach clann-daoine cuideachd ’san deagh-oibrichean air fad. Air an aobhar sin biodh na tairgseachan againne an co-chomunn ris an tairgse aigese, ann a’ rathad is gu ’m bi [TD 147] iad air an naomhachadh le iad a’ bhith an luib tobhartan Mhic Dè. A thaobh an ath rud, thugamaid fonear gu beil gach cuibhreach talmhaidh againn ri bristeadh, mu ’n ghabh sinn oirnn fhein a dhànadas ar tairgse fhein a chur suas mar iobairt air an doigh so. Ime sin ma bheir sinn an aire gu bheil ana-miann ’sa bith a’ cur èis oirnn, ruithemid gu Dia, is griosamaid air ar ceanglaichean a bristeadh, air chor is nach bi grabadh ’sa bith oirnn o bhith leise gu h-iomlan. Is rud ro-chudtromach so. Oir an neach a tha ga thoirt fhein seachad do Dhia, nuair a tha e fo shàs aig an t-saoghal, a’ bheil e ach a’ tairgse dha chruthadair an rud a tha fo sglàmhachd an atharraich? Cha ’n ’eil an so ach a bhith a’ fanaid air Dia. Mar sin tha e tachairt, gu ’n robh sinn, an dèis dhuinn a bhith gar tairgse fein suas gu tric mar iobairt do ’n Tighearna, a’ leasachadh ar giomhan agus aireamh ar peacannan, an àit’ a bhith dol air adhart an subhailcean. Tha e ceart, gu faod sinn an tairgse so thoirt do Dhia, ged nach biodh ar cridhe tur fuasgailte o ’n t-saoghal, ach gadtha ’s ann le làn bheachd an tùille gràin a thoirt dha, agus nuair a bheir sinn mar so fuath dha buileach, faoda’ sinn an trà sin sinn fhein a thoirt seachad do sheirbheis Dè gun chuimrig. Air an aobhar sin biodh ar tobhartan gun ghiomh, gun smal, is na biodh cuid aig ar toil fhein unnta. Na biodh iarraidh againn air gaireas saoghalta; na siremid toileachadh a flathanas fhein; is na biodh ni ’nar n-aire ach Dia thoileachadh na aonar; thugamaid aobhradh dha fhreasdal naomh, agus gèillemid gu h-iriosal dha òrdugh; ’sa h-uile rùn ’nar cridhe suidhichemid air, agus, a dianamh diochuimhn’ air gach ni talmhaidh, abramaid; Feuch, [TD 148] O mo Dhia, agus mo chruthadair, tha mi gam thairgse fhein dhut gu h-iomlan; mo thoil tha mi striochdadh ri d’ thoilse gu buileach, dian rium mar is àill leat, am beatha ’sam bàs, a bhos is thall, an tìm ’sa siorruchd. Ma thig na briathran so o ’r cridhe, ma ’s ionann ar dùrachd, rud a chomhdaicheas gu soilleir a chiad thrioblaid a thig nar caramh, faodaidh sinn a bhith cinnteach a mòran duais a chosnadh ann am beagan ùine; duais nas prìseile mìl’ uair na ’s urruinn an saoghal a thoirt seachad; buinidh siun do Dhia, is buinidh Dia dhuinne; oir tha e ga thoirt fhein seachad daonnan dhaibhse a tha cur cùl riu fhein is ris gach creutair los a bhith beo dhasa na aonar. Nach mòr a’ chàil a thig o lethid so do chleachdadh gu buaidh a thoirt air ar naimhdean? Oir le cuir suas na h-iobairt so le ’r n-uile thoil, tha sinn gar snaim fhein cho teann ri Dia, is gur e chuid sinn gu h-iomlan, agus esan ar cuidne; is air an dòigh sin co an namhaid a ’s urruinn deargadh oirnn? Ach mar thuille soluis air a’ chuis, nuair a thairgeas sinn suas ar traisg, ar n-urnaigh, ar faighidin, no oibrichean math’ air bith eile, feuma’ sinn an toiseach cuimhneachadh air gniomhan beannaichte Mhic Dè, agus, a’ cur ar bun as am mòr luach, ar tobhartas fhein a thairgse an sin do ’n Athair shiorruidh. Ach ma tha mhiann oirnn fulangas Mhic Dè a thairgse suas do dh’ Athair, na tròcaire gu ruighinn air mathanas ’nar peacannan, faodar an gnothach sin a dhianamh mar so. Feuma’ sinn priomh-pheacannan air beatha ann am pàirt no air chomla chuimhneachadh, ’sa tuigsinn ’nar cridhe fhein nach ’eil e ’nar camas fearg an àird bhrithimh a thraoghadh, no dioladh dha cheartas air a son, feumaidh sinn ruith [TD 149] gu pàis ar Slànair. Agus tha e againn ri thoirt fonear, gu na thairg esan urnaigh, a thraisg, a shaothair, fhuil phrìseil, is gach ni a rinn ’sa fhuilig e, dha Athair gu rèit’ a chur eadar sinne agus e. Feuch, os esan, mar tha mi striochdadh gad òrdugh gu peacadh an duine ud ’sa duine ad eile a thoirt air folbh o dhiùghatas do cheartais, tiùraich dhaibh mathanas, is biodh an cranchar a’ miasg do dhaoine taghte. Thigeadh do ’n h-uile neach urnaigh fhein a chur suas maille ri urnaigh Iosa Criosta, agus griosad air an Athair shiorruidh truas a ghabhail ris, tro thoillteanas pàis agus bàs a Mhic. Faodar so a dhianamh a h-uile h-uair a bhios pàis agus bàs ar Slanair nan culaidh smaoineachaidh againn; agus sin cuideachd, cha ’n ann a mhàin anns a h-uile rùn-diomhair a thig fo ’r n-inntinn, ach anns gach puinc a bhuineas do dh’ aon rùn-diomhair; is tha so freagrach ag urnaigh airson feadhnach eile cho math ’s air ar son fein. LIX. CAIB. Tlus agus cruas cridhe ann an cràbhadh. THA mao-chràbhadh a’ tighinn o thioma nàdair, o innleachdan an deomhain, no o thlus nan gràs; fiachaidh an toradh co riamh dhiu sin o bheil tlàs ar cràbhaidh a tighinn; oir mar ’eil feobhas ’sa bith air ar beusan, is aobhar eagail dhuinn gu bheil an deomhan no ar nàdar coirbte aig bun a’ gnothaich; gu h-àraidh ma tha sinn a’ ghabhail tlachd no toileachadh mòr as ar cràbhadh, no saoilsinn nas mua dhinn fhein as a leth. Air an aobhar sin, ma bhios do chridhe air a lionadh le sòlas is aighir spioradail, na bi fad’ an geall air fhaighinn a mach co uaithe tha sin a’ tighinn, ach thoir an aire gu math nach cuir thu suim [TD 150] ann, is nach miadaich e do bharail ort fhein; biodh do neoneachd fhein an comhnuidh mu choinneamh do shùl, thoir am barrachd fuath dhut fhein, spion as do chridhe gach spèis thalmhaidh, na h-iarr toileachadh spioradail fhein, sir gu Dia mhàin, agus a thoileachadh na aonar. Tionndaidh an dol-amach so tlus do chridhe gu stà dhut, is ge do chinnicheadh e an toiseach o droch riamhaig fàsaidh e na thoradh ghràs. Mar an cìadna tha cruas spioradail ag èirigh o na ceart aobhair a thuirt mi. 1. O ’n deomhan a tha cur gach teud a’ righe gus ar dianamh mèirgeach ’nar dleasnas, gus ar tilgeadh a slighe na coimhlionachd, agus ar tarruing a rithist gu faoineis an t-saoghail. 2. O choirbteachd ar nàdar, a tha daonnan gar sparradh gu olc, gu mea-bhlàs, gu leisg, is gu dèidh air àilleas na beatha so. 3. O ghràsan a Spioraid Naoimh a tha air a dortadh ’nar cridheachan; gus ar tarruing o ’n h-uile ni ach Dia, ’sa h-uile ni nach d’ thig gu glòir Dè; no gus fhiachuinn dhuinn nach ’eil ni againn ach rud a tha sinn a’ faighinn o Dhia; no gus ar miagh air tiodhlaicean spioradoil a leasachadh; no gus ar dluathadh nas mua ris fhein, leis a chaismeachd a tha e toirt dhuinn gach ni thrèigsinn, gu ruige toileachadh spioradail fhein, eagal gu ’m biodh ar cridhe air a roinn, a bhuineas dhasan a mhàin, le sòchairean mar sin; no ’n aon fhacal, a chionn gur math leis ar faicinn ’nar daoine cruadalach, ’sa toirt dea-fheum as a ghràsan beannaichte. Ime sin ma tha cruas cridhe gad fhàgail trom neoshanntach, seall an ann le d’ choire fhein a thachair sin dhut; is ma ’s ann, leighis air ball an fhàillinn; cha ’n ann am beachd do chridhe cruaidh a mhaothachadh, ach gus gach ni a tha mi-thaitneach le Dia air a laghad a thoirt as an [TD 151] rathad. Ach mur ’eil coire air bith ri fhaotuinn an dèis rannsachaidh mhòir, na cuir tuille dragh ort fhein gu ruighinn air a chràbhadh thlà sin a chàill thu, ach thoir an ionnsuidh a ’s fhearr a ’s urruinn thu air fior chràbhadh a thoirt a mach, ’se sin toil De a dhianamh gu diongmhail; na leig dhiot do dhleasnas gnàthaichte, a dh’ aon seirbhe no neoshann ge fairich thu unnta: Bi stèidheil faighidneach, ag ol na cailis sin gu h-inntinneach a tha lamh an Athar naoimh a’ tairgse dhut. Ach a thuilleadh air an tiomrachd so leis na chàill thu ach beag do bhlas air nichean spioradail, ma tha thu faireachduinn t’ inntinn fo dhorchadas trom do cheò spioradail, is neochomasach air gnothach air bith a rian ceart, dèis sin uile na fàillnicheadh do mhisneach, na sgaradh ni thu o chrois Chriosta, dian diù do thoileachadh saoghalta mar rud faoin dìblidh. Thoir an aire cuideachd nach leig thu mach do thrioblaid do neach air bith ach dha d’ lèigh spioradail, dha ’n còir dhut innse; cha ’n ann gu aotromachadh air t’ eallach, ach gus a thuigsinn mar is còir dhut a ghiùlan gu Dia a làn thoileachadh. Na biodh do chomainean, no t’ urnaigh, no do dhianadas cràbhaidh eile, air an tairgse suas gu d’ shaoradh o ’n chrois so. Ach iarr misneach is neart a cheanglas rithe thu gu crìch do bheatha, air rèir sàmhla Chriosta, is gu barrachd glòir do Dhia. Ach ma tha t’ inntinn roi-chèile cho mòr is nach ’eil urnaigh, no meadhrachadh naomh ad chomas mar a b’ àbhuist; a dh’ aindeoin sin feuma’ tu leanail air na dleasnasan sin a dhianamh, le cho beag bruaillean ’sa fhaodas tu; na tha dhìth air t’ inntinn dian suas leis an toil; leig air urnaigh beoil, air uairibh a bruidhean [TD 152] riut fhein, air uairibh ri d’ Shlànair. Tha feartan anabarrach aig a leithid so do chleachdadh naomh, agus furtachd nach beag bheir e dhut ann ad thrioblaid. Nuair a dh’ èireas dhut a bhith sa’ staid sin, abair riut fhein: O m’ anam, carson a tha thu mar so fo bhruaillean?—Carson a tha thu gam chur cho trom fo èislean? Cuir do dhòchas ann an Dia; oir seinnidh mi fhathast dha chliù; is gur e mo Shlànair e is mo Dhia. Carson a thrèig thu mi, O Thigherna? Carson tha thu dianamh diù dhiom, an uair is mua m’ fheum air do chobhair? Na trèig mi gu bràch, (Sal. xlii., 51). Cuimhnich air na smaointean naomh, a chuir Dia ann an cridhe Shàra, bean Tobìas na h-anshocair; abair thusa maille rithe anns a’ spiorad, agus anns a’ bheachd chiadna na briathran a thuirt i; O mo Dhia, tha brath aig gach neach a tha ri d’ sheirbheis, gu faigh e airson a dhiachuinnean saoghalta dùais; fuasgladh an àm eiginn; is fo dhiùghaltas do cheartais tha dhùil ri tròcair; oir cha math leat sinn a dhol a dhìth; cuiridh tu fia an dèis stoirm, agus sòlas as dèigh bròin: O Dhè Isral gu ’m bu beannaichte t’ ainm gu siorruidh, (Tob. iii., 21). Gabh beachd air do Shlànair anns a’ ghàrradh agus air sliabh Chalbhari, air a thrèigsinn le Athair, ge b’ e aon Mhac ionmhuinn e; giùlain a’ chrois maille ris, is can o ghrunnd do chridhe; Cha ’n i mo thoilse, ach do thoilse gu robh diante. Mar so le faighidin mar-ri urnaigh ruigidh tu air diadhachd, as leth na iobairt a tha thu dianamh dhiot fhein do Dhia le d’ làn thoil.—Oir mar a thuirt mi cheana, ’si an fhior naomhachd, Criosta a leanail gu togarrach misneachail fo uallach na croise a h-uile taobh a ’s aill leis triall: gaol a thoirt do Dhia, a thaobh is gur [TD 153] mòr a thoillteanas air gaol; agus airson Dè soigneas spioradail fhein a sheachnadh. Agus nam biodh mòran dhiusan a tha gabhail orra fein a bhith diadhaidh air an cothromachadh air a’ mheigh so, an àit’ a bhith gan tomhas fein o thlus cràbhaidh; cha bhiodh iad cho fad air am mealladh ’sa tha iad, le breth thuathal air gnothaichean, no le ionnrachdan an deomhain: is cha mua bhiodh iad cho neo-thàingeil is gu ’n rachadh iad gu monmhor an aghaidh an Tighearna, no gu gearain mi-reusonta airson an fhàbhair a tha e dianamh riu, a toirt cothrom dhaibh air an fhaighidin a chleachdadh; an àite mighean, ’s ann bu chòir dhaibh seirbheis Dè chur air adhart le tuille saothair, a’ tuigsinn aca fhein gu beil e ’g òrduchadh a h-uile ni gu leasachadh a ghlòir fein is gu sinne a shàbhaladh. Tha mearachd eil’ ann, a tha mealladh mar is trice nam boirionnach a tha gràineach air a’ pheacadh is tìtheach air a cheann aobhair a sheachnadh: oir, nuair a thachras do ’n spiorad neo-ghlan a bhith gan sàrachadh le smaointean salach truaillidh, no theagamh le sàmhlaichean grànda thogail nan cridhe, tha iad a’ tuiteam gu mighean ’sa call an dòchais, a’ saoilsinn gu na thrèig Dia iad; leis nach urruinn daibh a thuigsinn gu ’n gabhadh an Spiorad Naomh comhnuidh an an anam làn do smaointean salach. Mar sin tha iad a tuiteam ann an leann-dubh ’sa seòrsa do dh’ ann-dòchas: air chòr is nuair a bhios iad mar sin air gèilleadh gu bheag do ’n bhuireadh, teannaidh iad ri smaoineachadh air an gniomhan cràbhaidh a leigeil dhiu, agus tilleadh air an ais do ’n Eibheit. Is dall iad ga rìreamh, nuair nach ’eil iad a’ faicinn gur e iochd Dè a tha leigeil a’ bhuairidh nan caramh, gus an cumail nan dùsgadh o leisg, is gus gu d’ thug- [TD 154] adh miad an truaighe orra dluthadh nas teinne air fhein. Ime sin is mòr an neor-thàingealachd a bhith gearain air an rud bu chòir a bhith na aobhar tàing dhaibh do Dhia airson a thròcaire. Ann an cùisean mar so bu chòir dhuinn beachd math a gabhail air coirbteachd ar nàdair. Oir is aill le Dia, a ’s fhearr aithn’ air an rud a ni stà dhuinn, gu ’n tuigemid nach ’eil togradh ’sa bith againn uainn fhein ach thun a pheacaidh, agus gu ’n tuitemid a h-uile mionaid, mar cumadh a lamh suas sinn, anns na dosgainnibh a ’s gàbhaidh. Dèis so thigeadh dhuinn ar cridhe mhosgladh gu earbsa cheart a chur an tròcair Dè, a’ tuigsinn ’nar cridhe gur e beachd a bh’ aig’ ann am fosgladh ar sùilean gar gàbhadh, ar tarruing as, agus ar snaim ris fein nas cruaidh’ le feartan na h-urnaigh. Airson so tha e toillteanach air an tàing a ’s mua. Ach gu tilleadh ionnsuidh nan droch smaointean sin a th’ againn gar n-antoil; is cinnteach an gnothach, gur luaithe gu mòr a thèid a fuadach le faighidinn shochrach fo ’m bruaillean, is le tionndadh ar n-inntinn gu nichean eile, na le casadh nan aghaidh ie braise is tuilg. LX. CAIB. Air rannsachadh Cogais. NUAIR a’ bhios tu rannsachadh do chogais tha tri rudan agad ri thoirt fonear. 1. Peacannan an latha. 2. Ceann-aobhair nam peacannan sin. 3. An inntinn a th’ againn mu dèidhinn ar ar peacannan a sheachnadh a so suas, agus na subhailcean a chlaoidheas iad a cleachdadh. A thaobh peacannan an latha, tha againn ri sealltuinn air na comhairlean a thug mi seachad ann an Caibideal 26; far a’ faicear gach ni tha ri [TD 155] dhianamh an dèis tuiteam an am peacadh. A thaobh ceann-aobhair a’ pheacaidh feuma’ tu dìchioll a dhianamh air a sheachnadh le naistinn nach beag agus cùram. Agus a thobh nam peacannan fein agus cleachdach nan subhailcean a chlaoidheas iad, feuma’ tu t’ anam a neartachadh le dòchas làidir a chur ann an Dia, le urnaigh, agus le bhith a’ cur romhad gu tric agus gu dùrachdach do dhroch àbhuistean a spionadh as am bun, is dea-bheusan a shuidheachadh nan àite. Ach ma thuig thu gu na choisinn thu buaidh ann an càs air bith ort fein, no gu ’n d’ rinn thu gniomh math air bith, thoir an aire, biodh eagal ort a glòir dhiomhain. Cha tugainn a’ chomhairle ort seasamh fad’ air na smaointean so, gun fhios nach fhaodadh dànadas no glòir dhiomhain goid a stigh air do chridhe. Ime sin fàg t’ oibrichean math’ an lamhan Dè; a dh’ aona bhuaidh mhath ge bheil aca, gun ni ’sa bith eil’ ann ad aigne, ach do dhleasnas a dhianamh nas dùrachdaiche a so suas. Cuimhnich buidheachas iriosal a thoirt do Dhia airson a chomhnaidh air an là sin.—Aidich gur an uaithe a tha gach ni, agus gu h-àraid thoir tàing dha airson do thiarnadh o naimhdean gun airimh, a tha is nach ’eil thu faicinn; airson nan dea-smaointean gun chunntas a chuir e an ad chridhe; airson a’ chothrom a thug e dhut gu subhailcean a chleachdadh; agus airson mìle tiodhlaic eile nach ’eil ad chomas a lèirsinn. LXI. CAIB. Gu ’m bheil an cath spioradail ri sheasamh gu ruig’ am bàs. A’ MIASG rudan eil’ a tha feumail gu buaidh a chosnadh anns a’ chath spioradail, tha buan chruadal gu ceart ri chunntas; oir is subhailc [TD 156] so leis a’ bheil sinn a’ strì gun lasachadh an aghaidh ar n-ana-miannan, a tha cho buan ri ’r beatha, is nach sguir a dh’ fhàs agus a’ sgaoileadh mar luibhean mìllteach ’nar cridheachan. Is faoin dhuinn smaoineachadh gu ’n cuir sin ceann air a’ chogadh so, nach urruinn criochnachadh gu lath’ ar bàis; mar sin an neach a sguireas do ghleachd, tha e a’ call a bheatha no shaorsa. Mo thruaighe! Ciamar nach càill esan, a tha cath ri naimhdean, a tha an geall air cur as da, agus a tha miadachadh an gamhlaís mar is mua a dh’ iarrar an càirdeas. A dh’ aindeoin sin, na meataich, is na caill do mhisneach o neart no o ’n aireamh; oir anns an t-seòrsa chatha so cha chaill neach air bith, ach esan a ghéilleas. Cha mhua tha comas aig do naimhdean air dol nas fhaide, na luigear dhaibh leis a’ cheannard, a thug a dh’ onair dhutsa a bhith fo brataich. Creid agad fhein, nach leig e leat gu bràch tuiteam nan lamhan: ’se do threis e, agus mìl’ uair ’se is mua cumhachd na iadsan; is bheir e crùn nam buadh dhut, ma ses ’sgu ’n cuir thu t’ uile dhòchas ann, is nach earb thu as do neart fhein na bhlàir, ach as a mhòr chumhachdsa, is as a mhòr mhathas. Ma shaoileas tu a chobhair mall, ma mhiasar leat gun d’ fhàg e thu am miadhoin ànraidh, na caill airson sin do mhisneach, biodh do chreideamh làidir, prosnaich thu fhein thun a chatha; creid, tha mi radh, gu ’n rian e gach ni ann an dòigh is gu ’n tionndaidh e gu d’ bhuannachd gach ni a tha dol eadar thu is glòir shiorruidh. ’Se do gnothachsa a bhith cruadalach dìleas; gu bràch na dealaich ri d’ cheannard, nach d’ ob am bàs fhulang air do shon, ’sa thug le bhàs buaidh air an t-saoghal. Gleachd gu treubhach fo brataich, is na leig t’ airm as do laimh fhad ’sa bhios namhaid ri fhaotuinn. Oir ma bheir thu fath- [TD 157] amas dha h-aon, ma bhios aona ghiomh air fhàgail, bithidh e na chuimrig ad rathad, ’smar shaighid ad uchd sàthte, a chuireas èis ort sa chath, agus moille air do bhuaidh. LXII. CAIB. An dòigh air an còir dhuinn dianamh deas gu gleachd ris na naimhdean sin a bheir ionnsuidh oirnn aig uair a bhàis. GED is aona chogadh a bheatha thalmaidh so, is cinnteach an gnothach, gur e an cath deireanach is mua gàbhadh; oir am fear a chailleas an la’ comharraichte sin, cha ’n ’eil ni tuilleadh aige ris an earb e. Air chor mata nach bi thu càillte gu dìlinn an là ud, bi dichiollach gad chleachdadh fhein ris a’ chomhraig, fhad ’sa tha Dia a’ toirt a’ chomais dhut; oir am fear a chuireas an cath gu crudalach rè a bheatha, coisnidh e a’ bhuaidh air an latha mu dheireadh le neart cleachdaidh a bhuadh anns gach cath bu chraidhe. A bharr air so, smaoinich gu tric air a’ bhàs, oir is mòr a laghdaicheas sin a ghoimh nuair a thig e; oir fàgaidh sin t’ inntinn nas saoire is nas deise gu comhraig. A leithid so do smaointean tha muintir an t-saoghail so o’ tilgeadh air chùl mar rud trìoblaideach cianail, eagal gn ’n laghdaicheadh e an toileachadh saogalta; agus ime sin cha taitneach leo a bhith an luaidh nan cridhe, gu feum iad lath’-eiginn dealachdh ri gach ni a tha dràsda cho miaghail na sùilean.—Mar sin a h-uile là tha iad am fàs nas mua spèis dhe ’n t-saoghal; is mar sin tha fàgail na beatha so, is gach ni is taitneach leo a’ cur dorran air an ìnntinn, a bhios nas truime ri ghiùlan mar is fhaide a mheal iad iad. Ach gu bhith deas airson a cheum ghàbhaidh so o ùine gu siorruchd, [TD 158] smaoinich agad fhein air uairibh, gum bheil thu t’ aonar gun chobhair am fagus, am bàs an strì riut: anns an teinn so, so na rudan a ’s mua a ni do lèireadh (is gabh dea-bheachd orra) agus so na comhairlean a dh’ fheumas tu chuimhneachadh ’sa leanail gu pongail aig bruaich na siorruchd. Oir is tur riatanach gu ’n diante an gnothach ad ceart, nach tèid a dhianamh ach aon uair, eagal fàillin a bhith ann nach gabh leasachadh, is nach urruin dol as air pèin shiorruidh. LXIII. CAIB. Mu cheitheir sheòrsa bhuairidhean a tha’m bichontas aig uair a’ bhàis: a chiad bhuaireadh an aghaidh chreidimh; an dòigh air chasg. AM bichiòntas aig uair a bhàis stric le namhaid ar n-anma ionnsuidh a thoirt òirnn le ceithir seòrsa bhuairidhean. 1. Le teagamh ann an cùisean creidimh; 2. Le smaointean do dh’ an-dòchas 3. Le smaointean do glòir dhiomhain; 4. Le iomadaidh sàmhla bi èige, a fhaodas luchd-tuinidh na comhnuidh dhorch’ a thogail, a ’s urruin iad fhein a thionndadh an riochd ainglean soilse gus ar sgrios. A thaobh a’ chiad sheòrsa buairidh, ma dh’ fhiachas an namhaid ri d’ mhealladh le reusonan foilleil meallta, thoir a cheart aire nach teann thu ri deaspud ris; foghnaidh dhut a chantuinn ris le lasan do chorruich naoimh; Gabh romhad, a shàtain, athair nam briag, cha ’n èisd mi riut, ’s ionann creideamh dhomhsa agus do ’n Eaglais naoimh Chathlicich Ròmanaich. Bi air t’ fhaicill cuideachd, nach toir thu fearsaid air smaointean a dh’ èireas ad chridhe gus do chreideamh a neartachadh, fuadaich uat iad, mar theachdairean o deomhan, a tha ’g iarraidh [TD 159] do chur fo bhruaillean is do tharruing gu deaspud gun fhaireachduin dhut. Mar ’eil e ad chomas na smaointean sin a chur air chùl, le d’ cheann a bhith làn dhiu, a dh’ aindeoin sin, biodh misneach agad, na toir cluas do dh’ argamaidean an droch spioraid, no do dh’ fhaclaibh as an sgriobtur fhein, a dh’ fhiachas e theagamh a chur am fiachaibh dhut; oir ge do shaoileadh tu na rannan a bheir e fos n-àird dhut, cho rèidh is cho solleir ’sa ni briathran iad, a dh aindeoin sin is gnothach cinnteach gu ’m bheil iad air an togail tuathal, no air an conablachadh, no air an sniomh gu seagh bhrèige. Air an a bhar sin ma dh’ fhaighneachdas an t-aibhistear dhiot, ciod a tha an Eaglais a’ creidsinn, na toir freagairt ’sa bith dha: ach, o na tha fios agad gur h-ann a’ caitheamh foill ort a tha e, agus a’ sireadh consachadh riut air facal doilleir air chor-eiginn, foghnaidh dhut aon gniomh cochionta chreidimh a dhianamh: no ma ’s àill leat tuilleadh dorrain a chur air, abair gu bheil an Eaglais a’ chreidsinn na fìrinn: ma chuireas e uige thu nas fhaide, am feòraich ciod i an fhìrinn; abair ris. gur e an rud a tha an Eaglais a’ creidsinn. Thoir an aire gu math, nach dealaich do chridc ris a’ chrois; agus abair ri Mac Dè, O mo chruthadair agus mo Dhia! Thig gu ’m chomhnadh gun dàil, is na dealaidh rium mu ’n d’ thèid mi air seachran air an fìrinn, a shoillsich thu dhomh, agus o na b’ i do thoil mhath, ball dhe t’ eaglais a dhianamh dhiom, deònaich dhomh mar ciadna bàs fhaighinn innte gu tuille glòir dhut. LXIV. CAIB. Buaireadh an an-dòchais, is mar chuirear na aghaidh. AN ath bhuaireadh a thilgeas an namhaid ’nar [TD 160] rathad, ’se fiachuinn ri eagal faoin a thogail ’nar cridheachan, agus thoirt òirnn tuiteam gu eu-dòchas le lionarachd ar peacannan a chur air shùilean dhuinn. Ma fhairgheas tu thu fhein ann an cunnart air bith do ’n t-seòrse so, bìodh a’ chomhairle so agad mar chairt-iuil chinntich; ma leasaichear t’ umhlachd, t’ aithreachas, do dhòchas ann an Dia, le cuimhneachadh air do pheacannan, is rud e a tha tighinn o ghràsan Dè agus a tha fallain. Ach air a laimh eile, ma ’s ann gu campar inntinn, gu ann-dòchas, gu taise, gu gealtachd a tha na smaointean sin gad tharruing, le neart nan argamaidean a tha iad a’ cur am fiachaibh dhut gu bheil thu càillte gun teagamh, biodh fios cinnteach agad, gur h-ann o deomhan a tha iad a tighinn. Ann an càsan mar so, na smaoinich air ni ach thu fhein umhlachadh, agus earbsa nas mua na rinn thu riamh a chur a iochd mòr an Tighearna. Air an dòighse bheirear buaidh air pratan shàtain, le chuir a thionndadh na aghaidh fhein, is miadaicheas e cuideachd glòir Dè. Gu deimhinn, bu chòir dhut aithreachas goirt a bhith ort airson do pheacannan an aghaidh mhathais mhòir Dè, cho tric ’sa chuimhnicheas tu orra; ach san àm chiadna thige’ dhut mathanas a shireadh le earbsa làidir a toillteanas do Shlànair. Seadh, ge do shaoileadh tu gu ’n robh Dia a’ cantuinn ann a’ grunnd do chridhe; Cha ’n ’eil thu an cunntas mo chaorach, a dh’ aindeoin sin cha ’n fhaod thu do dhòchas ann a chall; an àite sin, can le mòran nmhlachd: A Thighearna, is mòr do reuson air mo thilgeadh uat, agus mo dhìteadh gu siorruidh airson mo pheacannan; ach dèis sin uile tha tuilleadh aobhair earbsa agam gu ’m fiach thu dhomh tròcair. Ime sin, tha mi ’g achanaich ort gu ’n gabhadh tu truas ri creutair bochd, a [TD 161] tha toilltinn gu dearbh a bhith chaoidh air a sgaradh uat, ach ’se luagh t’ fhala prìseil e an dèigh sin. Tha mi ’g iarraidh a bhith sàbhailte o Shlànair; ’s ann unnad a tha mo dhòchas air fad, tha mi gam thilgeadh fhein gu h-iomlan ad lamhan, dian rium mar is àill leat, is gur tu m’ àrd mhaighistir, dian rium, tha mi radh, mar is àill leat, ach ge brith dòigh air am bi sin bithidh mo dhòchas unnad ge b’ i so mionaid mo dhìtidh. LXV. CAIB. Air buaireadh na glòir dhiomhain. AN treas buaireadh ’si glòir dhiomhain. Ni ’sa bith tha na cuireadh urad eagail ort ri gèilleadh ’sa char a ’s lagha do ghlòir dhiomhain, ’se sin do phròis asad fhein, is a t’ oibrichean matha; na cuir uaill ach as an Tighearna, aidich gur e toillteanas a bheatha ’so bhàis friamh gach mathais. Gus an tilg thu an anail biodh fuath is gràin agad ort fhein. Miadaicheadh t’ umhlachd an comhnuidh, is na sguir a feasd’ a thoirt tàing do Dhia mar ughdaire gach rud math a rinn thu riamh. Grios air do chomhnadh; ach thoir an aire nach seall thu air a chuideachadh mar rud a thoill do ghniomhan, ge do dh’ èireadh dhut buaidh a chosnadh ort fhein anns na càsaibh bu chruaidhe. Bi an comhnuidh fo chùram, agus aidich gu saor, gu ’m fhaoin t’ uile shaothair, mur biodh lamh chumhachdach Dè, anns a bheil t’ earbsa, a’ cur brìgh unnta. Lean a’ chomhairle so, is faodaidh tu a bhith cinnteach nach dian do namhaid beud ort. LXVI. CAIB. Gu ’m fiach an deomhan ri ’r mealladh le ioma sgleò aig uair a’ bhàis. MA bheir namhaid ar n-anma, nach sguir gu [TD 162] bràch a chogadh ruinn, ionnsuidh air do mhealladh fo riochd aingil soluis le sàmhlaichean meallta brèige, no coltasan riochdail, seasamh gu daingean air bonn t’eòlais ort fhein, agus abair gu m’ misneachail ris; Gabh romhad a dheomhain dhuaichnidh, till gus an tuinidh dhorcha as an d’ thain’ thu; oir is peacach ro-mhòr mise gu taisbeanan a thoilltinn; ni cha ’n ’eil mi sireadh ach iochd Iosa, urnaigh na h-òighe beannaichte Moire, naoimh Iosaibh, sna naomh eile. Ged do bhitheadh tu ionann agus cinnteach gur ann o Dhia a tha na sàmhlaichean sin a’ tighinn, thoir an aire nach bi thu mua ’s deas gu sin a chreidsinn; na biodh eagal ort cur nan aghaidh; oir feumaidh a leithid sin do ghniomh, mar rud a tha struthadh o d’ laigse fhein, a bhith fior thaitneach do Dhia; agus ma ’s ann uaithse a tha ’n taisbeanadh so a’ tighinn, cha ’n ’eil teagamh nach soilleirich e dhut, gur e fein a t’ ann, gun dad a dholaidh dhut: oir esan a tha toirt a gràsan do luchd na h-umhlachd, cha toir e uath’ iad nuair a dh’islicheas iad fhein na làthair. ’S iad sin na h-airm a tha namhaid am bichiontas a’ tarruing nar n-aghaidh nuair a bhagras am bàs oirnn; ach a thuilleadh air so bheir e ionnsuidh air gach duine air an taobh is mua a’ faic e a laigse. Tha e a’ gabhail dea-bheachd air ar giomhan, agus leosan gar tarruing gu peacadh. Air an aobhar sin mun d’thig uair a chatha mhòir, cogamaid an aghaidh ar n-ana-miannan a’s treasa, air chor is gu ’m bi e nas usa dhuinn an casg ’san ceannsachadh san uair dheireanniach dhe ’r tìm. Gleachdaibh riu gu ’n lèirsgrios. (3 Rig. xv). CRIOCH. [TD 163] RIAGHAILTEAN. RIAGHAILTEAN AIR DLEASNASAN A’ CHRIOSTAIDH DO DHIA; DHA CHOIMHEARSNACH; IS DHA FHEIN. AIR AN TIONAL O NAOMH F. SALES. [TD 164] RIAGHAILTEAN 2. [Blank] [TD 165] RIAGHAILTEAN 3. DO DHIA. 1. Ma thèid an t-slighe dhiomhair gu naomhachd fharraid dhiom: ’si mo fhreagairt, nach eòl dhomh a’ chaochla’, na gu ’n d’ thugamaid gaol do Dhia le ’r n-uile chridhe, le ’r uil’ anam, le ’r uil’ inntinn, is le ’r n-uile neart; is dha ’r coimhearsnach mar dhuinn fhein. 2. Gabh beachd math ar Dia, is ort fhein, is cha ’n fhaic thu Dia gu bràch gun mhathas, no thu fhein gun truaighe. 3. Mar nach faic neach air bith Dia cho fad agus a tha e ri fhaicinn; mar sin cha toir neach air bith gaol da air rèir a mhaise. 4. An neach nach toir ionnsuidh a h-uile lath’ air dol air adhart an gaol Dè, cha ’n ’eil e toirt gaoil dha mar bu chòir dha; oir cha dianar an an dleasnas so ceart gu bràch leis an fhear a stadas mar gu m’ biodh e riaraichte. 5. An neach ga bheil Dia a h-uile ni, is neoni an saoghal na shùilean. 6. Biomaid mar is àill le Dia sinn a bhith, air chumhnant gur leis sinn; is na biomaid mar is àill leinn fhein an aghaidh a thoilse. 7. Cha ’n fhaodar ni air bith air a laghad a dhearmad ann a’ seirbheis Dè. 8. ’Se gaol a thoirt do Dhia a ’s mua a bheir gu subhailcean an t-anam, na bhith smaoineachadh air. 9. Cha ’n fhaod sinn sgur do sherbheis Dè, no do dheagh-oibrichean a dh’ aon diachuinn ge ’n d’ thig ’nar rathad; oir an neach a tha sireadh gu Dia, cha ghèill e do dh’ ainneart dhaoine. 10. Am fear a ni toil Dè, cha bhi an t-aran làthail a dhìth air. 11. An neach ris an taitinn Dia na aonar, cha [TD 166] RIAGHAILTEAN 4. mhi-thaitneach leis ni air bith ach an rud a ’s mi-thaitneach le Dia. 12. Is comharradh cinnteach gu bheil sinn a toirt gaoil do Dhia fos cionn gach ni, ma tha sinn a toirt an aona ghaol dha anns gach ni; oir mar tha Dia neo-chaochlaideach ann fein, caochladh ’sa bith a thig air ar gràdh dha, cha ’n ann uaithse, ach o rud-eiginn eil’ a tha an caochla’ sin a tighinn. 13. Tha ar oibrichean uile ’g èirigh am prìs air rèir is mar a ghèilleas iad do thoil Dè. 14. Gaol a thoirt do Dhia, agus fulang air a shon, dà iobairt a’s cùbhraidh a dh’ fhaodas sinn a thairgse dha, a cheannaich sinn le ghaol is le dhòruinn. 15. Am fear a chuireas an aghaidh a thoil fhein, ’se is fhearr a ni toil Dè. GAR COIMHEARSNACH. 1. ’Se gaol ar coimhearsnaich craobh an eòlais; cha ’n fhaod sinn binn a thoirt air, a thaobh gur e Dia na aonar an t-aon fhear-breth. 2. Bu chòir dhuinn gaol a thoirt dha ’r coimhearsnach air talamh, mar a bheir sinn gaol dha air neomh. 3. Cha ’n urruinn duinn tuille ’sa chòir a ghaol a thoirt ghar coimhearsnach, ach faoda’ sinn tuille ’sa chòir a dh’ uaill a chur as. 4. ’Se cur suas ri fhàillinnean ponc cho àrd ’sa tha an gaol air coimhearsnaich. 5. Cha ’n fhaod sinn èisdeachd ri droch sgeul air neach air bith ach oirnn fhein. 6. Cha ’n fhaod sinn sealltuinn sios air neach air bith; oir cha toil le fear-oibre gu ’n rachadh a ghniomh a dhiomoladh na làthair; an nis tha Dia làthair anns gach àite, agus ’se gach duine a gniomh. [TD 167] RIAGHAILTEAN 5. 7. Is eucoir spioradail, a bhith sireadh diomhaireachd an atharraich, ’sa ceiltinn ar cridhe fhein. 8. Cha ’n ann airson ’sgu bheil ar coimhearsnach math, no gu bheil earbsa againn gu ’m bi e math, a tha gaol ri thoirt da, ach a chionn gur e fàithnte Dè sin a dhianamh. 9. Thaobh deagh oibrichean, na dianamaid mòran bruidhne, mòran smaoineachaidh, ach mòran gniomha. 10. ’S olc mòr gun a bhith math. 11. Cha ’n urruinn am bàs breith air an duine mhath gu neo-uidheamaichte; oir ’se uidheam a’ bhàis dea-bheatha. 12. An neach a dh’ iarras gu beath’ ùir, faigheadh bàs dha sheanna bheatha. 13. An duine a tha fior iriosal, cha saoil e gu ’n d’ rinneadh eucoir air. DHUINN FHEIN. 1. Gus ar n-anam a chur air dea-rian, cha ’n fhuilear dhuinn a thoirt air, gach ni dhianamh fo fhiamh ann a’ làthair Dè. 2. Gu bhith toilichte ann a’ staid chuibheasaich, cha ’n ann air an fheadhainn a ’s mua, ach air an fheadhainn a ’s lagha cuid na sinn fein air an còir dhuinn amharc. 3. An neach a ’s mua a chlaoidheas a nàdar coirbte, ’se is mua gheobh do shoighneas spioradail. 4. Smaoinich gu tric air an t-siorruchd, is cha chuir dridfhortan saoghalta ort bruaidlean. 5. Cha ’n fhoghuinn dhuinn comhairl’ iarraidh, cha ’a fhuilear dhuinn a gabhail, is ar barail fhein a leigeil dhinn, is gèille’ gu deònach do bheachd feadhnach eile. 6. Cha ’n ’eil an cràbhadh sin ceart nach freagair gar staid. [TD 168] RIAGHAILTEAN 6. 7. Is mòr mishealbh do neach a bhith ag iarraidh toileachaidh anns na rudan sin a tha freasdal dha uireasbhuidh. .8 A’ bhith sireadh na bochduinn, is mithoilichte le h-anshocair, is àrdan mòr; is ionann e ’sa bhith an geall air cliù na bochduinn, is gaireas a’ bheirtis. 9. A’ bhith beirteach an cuid, is bochd an cridhe, ’se àrd shonas a’ chriostaidh; a chionn is gu bheil cothrom a’ bheirtis aig’ a thaobh an t-saogail so, is duais na bochduinn san ath shaoghal. 10. An rathad is cinntiche air dea-chrìch a chur air caithe-beatha spioradail, ’se tòiseachadh as ùr oirre a h-uile latha. 11. ’S ann acasan a mhàin a fhuilig maille ri Ios’ aig a bheil còir a bhith glòir maille ri Iosa. 12. Bu chòir dhuinn ar beatha chaitheamh san t-saoghal so, mar gu ’m biodh ar n-anam am flathanas, ’s ar colunn san uaigh. 13. ’Se bàs ar n-ana-miannan beath’ ar n-anma. 14. Cha ’n umhlachd a bhith a radh, gu bheil sinn truagh, ach ’s umhlachd a bhith leagte ri tàir o fheadhainn eile mar thrughain. 15. Cha bhith fior shaorsa aig an toil, ach nuair a bhios i leagte ri toil Dè; no fior sglàmhachd ach nuair a leanas i h-ana-miannan: cho mhua tha i beo mur ’eil i marbh dhi fhein, no marbh mar ’eil i beo dhi fhein. 16. Cha ’n ’eil reuson ’sa bith air a’ pheacadh a dhianamh: oir cha bhiodh e na pheacadh mur biodh e an aghaidh reusoin. 17. Cha d’ thig subhailcean a feasda gu làn ire, mur iarr iad gu tuille cinneachaidh; oir ’s ionann iad is siol spioradail nach sguir a thoirt a mach toraidh nan dea-bheus. CRIOCH. [TD 169] SUIM. CAIB. TAOBH. INNSE-SGEOIL, iii I. Coimhlionachd chriostail air a’ mìneachadh, gun saothair cha toirear a mach i; na ceithir nichean a tha riatanach gu coimhlionachd a chosnadh, 1 II. Air neo-earbsa as sinn fhein, 7 III. Air earbsa ann an Dia, 10 IV. Mar a gheobh sinn a mach co dhiu tha no nach ’eil ar neo-earbsa as sinn fhein is ar n-earbsa a Dia fìrinneach, 12 V. Cha ’n ’eil laigse inntinn, mar tha mòran an dùil na subhailc, 13 VI. Tuille chomhairlean ro-fheumail gu ruighinn air neo-earbsa as sinn fhein is earbsa a Dia, 14 VII. Gu bheil ar bhuadhan ri ’n rian; gu bheil an tuigse ri saoradh an toiseach o aineolas is o sheachran, 16 VIII. Na nichean a tha dol eadaruinn is breth cheart a thoirt; na miadhoinean gu leigheas. 17 IX. Miadhoinean eil’ a chumas an tuigse o iomrall na breth, 19 X. Gniomhan na toil, agus am beachd bu chòir a bhith againn o leth-amach is o leth-astigh ’nar dianadas, 21 XI. Smaointean aràidh gus a thoirt air an toil nach iarr i ni air bith ach air rèir toil Dè, 26 XII. Gu bheil dà thoil ann a’ mac-an-duine, a tha an comhnuidh a’ cogadh an aghaidh a chèile, 27 XIII. Mar a chuirear casg air n-ana-miann- [TD 170] SUIM 2. an; agus na gniomhan a th’ aig an toil ri dhianamh gu ruighian air dea-bheusan, 30 XIV. Ciod is còir dhuinn a dhianamh nuair a bhios an toil an coinneamh fàillinneachadh, agus air bheag comais air cur an aghaidh na feòla, 35 XV. Tuille comhairle gu cruaidh ghleachd; de na naimhdean dha ’n toir sinn ceann; is de mhisneach a tha riatanach gu lamh-an-uachdar fhaighiun orra, 38 XVI. Cha ’n fhuilear do shaighdear Chriosta dianamh deas gu much airson a’ chatha, 39 XVII. An rian a tha ri leanail gu strian a chur ri ’r n-ana-miannan is ri ’r leannanan-peacaidh, 42 XVIII. An dòigh air an còir dhuinn buathadh grad ar n-ana-miannan a chasg, 42 XIX. An dòigh air an còir dhuinn gleachd an aghaidh na mi-gheanmnachd, 44 XX. Mar is còir cur an aghaidh na leisg, 50 XXI. Mar a bheir sinn dea-fheum as ar ceudan corporra, is mar a dh’ fhaodas iad ar comhnadh gu smaointean diadhaidh, 55 XXII. Mar a dh’ fhaodas nichean talmhaidh ar comhnadh gu diomhaireachd beatha agus pàis ar Slànair a thoirt fonear, 58 XXIII. Dòighean eil’ anns a’ faod ar ceudan corporra tighinn gu stà dhuinn ann an ioma càs, 60 XXIV. Mar is còir strian a chur ris an teangaidh, 65 XXV. Feumaidh saighdear Chriost’ a tha an geall ri dol ri aodan a naimhdean is [TD 171] SUIM 3. buaidh a thoirt orra, gach ni sheachnadh cho math ’sa fhaodas e, a chuireas furban air inntinn, 67 XXVI. Ciod a th’ againn ri dhianamh nuair thèid ar lot ’sa chath spioradail, 71 XXVII. An dòigh air a’ bheil an deomhan a’ buaireadh, ’sa mealladh na feadhnach sin a tha an geall air dea-bheusan a leanail, no tha fathasd bàite ’sa pheacadh, 73 XXVIII. Innleachdan an deomhain gu cur as do ’n fheadhainn a thairngeas e an luib a’ pheacaidh, 74 XXIX. Na dòighean leis a bheil an deomhan a’ bacail làn thionndadh na feadhnach sin a tha faicinn staid an cogais fhein, agus a tha rud-eiginn an geall air an caithe-beatha leasachadh, is mar a tha e tachairt gu tric gu bheil am beachd gun bhrigh, 75 XXX. Am mearachd anns a’ bheil mòran a tha gan saoilsinn fein ann a’ staid naoimh, 78 XXXI. Na h-innleachdan a tha deomhan a cleachdadh gus ar tarruing a shlighe nan subhailcean, 80 XXXII. Foill mu dheireadh shàtain, ’se subhailcean fhein a thionndadh gu aobhar peacaidh, 83 XXXIII. Comhairlean feumail dhaibhse a tha ’g iarraidh an ana-miannan a chlaoidh, agus na subhailcean a tha riatanach dhaibh a chosnadh, 89 XXXIV. ’S ann uidh air n-uidh, is lion tè is tè a bheirear a mach subhailcean, 92 XXXV. Na miadhoinean a tha freagrach gu toirt a mach shubhailcean, is mar is còir grathunn a thoirt air aon subhailc, 94 [TD 172] SUIM 4. XXXVI. Gu bheil subhailcean ag iarraidh an sior chleachdadh, 96 XXXVII. O ’n tha subhailcean daonnan ri ’n cleachdadh, tha h-uile fàth ri ’n cur an gniomh ri ghlacail, 97 XXXVIII. Ann an toirt a mach shubhailcean, gu h-àraid an feadhainn sin a tha duilich, tha h-uile fàth air gleachd ris an namhaid ri ghlacail gu ro-dheònach, 99 XXXIX. Mar a fhaodar subhailcean a chleachdadh an iomadaidh càs, 102 XL. An ùine a tha ri chosg ann an toirt a mach subhailc àraidh air bith, agus comharraidhnean air cho fad ’sa chaidh sinn aìr adhart, 103 XLI. Nach d’ thig dhuinn a bhith fada an geall air na h-uilc sin a chur uainn, a tha sinn a’ giùlan gu faighidneach; mar is còir tograichean air cridhe rian, 105 XLII. Mar a bheir sinn buaidh air ceilg an deomhain, nuair a bhios e a’ cur cràbhaidh neo-chunbhalach romhainn, 106 XLIII. Gu bheil ar nàdar coirbte le prosnachadh an deomhan, deas gu breth obunn a thoirt air an atharrach; an dòigh air an t-olc so leigheas, 109 XLIV. Air urnaigh, 112 XLV. Air urnaigh chridhe, 116 XLVI. Air smaoineachadh, 118 XLVII. Dòigh eile air urnaigh chridhe, 119 XLVIII. Dòigh urnaigh gu iarraidh eadarghuidh na h-òighe beannaichte Moire, 120 XLIX. Tuille prosnaidh do na peacaich gu earbsa a comhnadh na h-òighe beannaichte, 121 L. Dòigh cràbhaidh agus urnaigh tro eadarghuidh nan naomh is nan aingeal, 122 [TD 173] SUIM 5. LI. Smaointean air fulangas Chriosta, agus na gluasadan cridhe bu chòir tighinn uapa, 124 LII. An toradh a thig o smaoineachadh air a’ chrios, agus o leanail shubhailcean Iosa Criost’ a chaidh a cheusadh, 129 LIII. Air Corp Chriosta, 133 LIV. Air an dòigh air an còir an t-sàcramaid naomh so ghlacail, 134 LV. An dòigh a nitear deas airson comaine gu gaol Dè lasadh ’nar cridhe, 133 LVI. Air comaine spioradail, 145 LVII. Air buidheachas, 147 LVIII. Mar is còir dhuinn sinn fhein a thairgse do Dhia, 146 LIX. Tlus agus cruas cridhe ann an cràbhadh, 149 LX. Air rannsachadh cogais, 154 LXI. Gu bheil an cath spioradail ri sheasamh gus am bàs, 155 LXII. An dòigh air an còir dianamh deas gu gleachd ris na naimhdean sin, a bheir ionnsuidh oirnn aig uair a’ bhàis, 157 LXIII. Mu cheitheir sheòrsa bhuairidhean, a tha bichiontas aig uair a’ bhàis: a’ chiad bhuaireadh an aghaidh creidimh, ’san dòigh air a chasg, 158 LXIV. Buaireadh an an-dòchais, is mar a chuirear na aghaidh, 159 LXV. Air buaireadh na glòir dhiomhain, 161 LXVI. Gu ’m fiach an deomhan ri ’r mealladh le ioma sgleò aig uair a bhàis, 161 RIAGHAILTEAN. Do Dhia, 3 Gar Coimhearsnach, 4 Dhuinn Fhein, 5 [TD 174] IOMRAILL. Taobh 5, lin 5, saoilidh; t. 8, l. 15, cuir as a; t. 9, l. 9, bhig; t. 10, l. 1, anam; t. 13, l. 19, aindeoin; t. 17, l. 2, sinn; t. 24, l. 20, oir; t. 30, l. 24, bharrachd; t. 32, l. 24, luibhe; t. 34, l. 31, eile; t. 36, l. 26, fein; t. 37, l. 5, lasraichean; t. 38, l. 9, foghainn; t. 38, l. 18, do; t. 40, l. 3, amhairc; t. 40, l. 7, naomh; t. 40, l. 37, cuir as cha; t. 41, l. 15, gu; t. 43. l. 23, dhomhsa; t. 44, l. 14, phrìseil; t. 46, l. 17, ma; t. 50, l. 15, fhaodas; t. 50, l. 19, cheilg; t. 54, l. 12, thug; t. 54, l. 14, h-oidhche; t. 60, l. 8, Shlànair; t. 63, l. 30, iomchuidh; t. 67, l. 34, no; t. 68, l. 23, cinnteach; t. 74, l. 3, innleachdan; t. 77, l. 30, subhailcean; t. 77, l. 32, anshocrach; t. 77, l. 37, sinn; t. 80, l. 8, chleachdadh; t. 81, l. 6. sireadh; t. 81, l. 11, oibrichean; t. 84, l. 5, no; t. 90, l. 9, bhuannachd; t. 90, l. 21, shònraichte; t. 126, l. 19, tha; t. 133, l. 19, nam. PEIRT, CLO-BHUAILTE LE MORISONS.