[TD 1] MARBHRANN DO ’N T-SHIOSALACH, Srathghlais, A chriochnaich a bheath so air a bhliadhna 1838, a bha na phrop dileas do ’n Eaglais. THUIT an Eirchlais a Chaisteal, Neoil madainn na gruaim; Thainig feasgar roimh ’nón orr’, ’S an oidhche ro luath— Mu’n oig-fhear is aillte, Bhi na shineadh ’san uaigh, Ceann-feadhna agus fine, Na Siosalaich bho thuath. Thuit prop as ’n eaglais, As a broilleach thuit bearn. Tha balla bruchdadh neo-sheasmhach, Feum taic ’chuir ri sal; Thi ghrasmhor dean seasamh Anns ’sa bheum-sa dheanamh ’n aird, A’s tairbh Bhashan ’ga h-upadh, Le buraich gle ard. Tha tairbh Bhashan a buraich, Anns na duthchann is faisg, Bho’n d’ fhuar cioch agus glun iad, ’S fodh curam gun bhaist’; Ghoid dheth seude a b’ fhiuthail, S reic air ruisg iad gun bhla, Ach mar mhic strothal, thig dlu iad, ’N uair theid gach cuis a chuir ceart. Cha d’ theid ni ’s fhaide oir an t-sheolsa, Cha ’n aill leam thoit breith, Ach reir mo chreideamh mu ’n oig-fhears’, Bhi aige cor ’san ath-bhreth, ’Seinn moladh ro ghlormhoir [TD 2] Gun sgios dha mhorachd gu seth, Bhrigh olla na lochran, Dha fhear posd’ aig a bhreth. C’ait ’n d’ robh e ’n Alba? Fear a mhaise fodh ’chot, C’ait ’n d’ robh e measg gharbh chrioch, Fear eud cho ro mhor; Fior namhad a pheacaidh, ’S fear labhairt a bheoil, Fear sgaoladh eolas an fhocail, Mar bha Alastair og Faic earrach na bliadhna, ’S gabh cial uath da reir, ’Nuar tha ’n Garnail ri saothar, ’M fionan nan geug, Tha dhochasa daonan, Dheth shaothar mor fheum, ’Sa ’nuair thig dubhrachd a gheamhradh, Cha ghann da dhoibh feill ’S mac-samhla dha ’n oig-fhears’, Craobh ubhal ’sa ghar, Le geuga gle dhluth orr’, ’S a lubadh gu lar; Diubhar seort oir a dh’ubhlan, Faighinn subh o’n aon sail, Bhridh ’n Gairneil an aonadh Ris a stoc gu gle thrath. Bha geug oir bha giulan Meas ur oir a ghnath; Meas maiseach na h-urnuigh, ’S falus driuchd air a bar, Mar ri mineachadh focail Ann an solus do chach, Mar ri sheirbhisich dileas, Da chuairt air gach la. Bha geug air bha feumal, Dh’fheuch eud gu gleidh lan; [TD 3] Bha’m bar aic air sineadh Thar chuaintin an t-sail; ’S air na h-ubhlan bha sgriobht Naigheachd aoibhnach na slainnt, Dha Cinnich a’s Iubhaich Ga’n tarruing dluth ris an gradh. Bha geug air bha maiseach, ’S tlachdmhor am fiach, Thog e eaglais thlachdmhor, ’S tighean scoil air gach sliabh; Bha e eudmhor an ceartas, B’e thlachd e ’sa mhiann Aois a’s oig tharruing dachaidh, Le ’lion tarruing gu Criosd. Cha bu leas-ainm dha ’n oig-fhear Iasgar seolta le lion, ’S tric a chur e ’n ordugh, Air bruach an dol sios; Gu bhi glacadh mhor shluagh, Bha le ’n deon ruith dian, ’Gan tarruing dachaidh le seoladh, Gu amhainn glormhor mar fhion Mar bha anamaine Sardis, Ghleidh gu sar mhath an deis’ Ghleidh e sud i troimh ’n fhasaich, Gun spot, gun smal, na gun phreas; Bhiodh i air air an t-shabaid, ’S air la na slainte bha i deas, ’S la phos i, oh! b’ aillt’ i, ’S nighinn an righ ann a dress O bu mhaiseach an deis ud Na fluran a ghar, Na rosan nan preasan, Na lili a Mhaigh; ’N uair bhios cach ’nan cuid deisibh, Cha sheall iad ach bath, [TD 4] Bha mar dhaoimein an dorch e, Feuchainn solus do chach. Tha do mhathar, ’s do bhrathar, ’S do chairdean fo’ bhroin, ’Sa’n aon phiuthar a dh’fhag thu A fasgadh na’n dorn; ’Se do chuir ann sa chlar-chist A chradh i ’s a leon, Nach faic i gu brath thu A’m fasach nan deor. O gu ’n seoladh ’n t-ard Righ, Fear sheasadh t-ait’ a’ do rum, An t-oig-fhear thighinn sabhailt Thar bharraibh nan tonn; Ghabhail sealbh anns an aite, Ann an aros na sonn; Thogail misneachd do chairdean, ’S an luchd aitich tha trom ’S air a shealbh anns an oighreachd Thoir dha ’n aoibhneas nach gann, Le dortadh oladh na h-aoibhneas, Gu trom air a cheann; Tus a ghliocas mar chaoimhneas, Dha mar sheribhiseach lamh, Thabhairt breith’ luchd-oighreachd Ann an iochd ’s ann an gradh. Ach ni mi nise comh-dhunadh Cha chuis dhomh a bhi leantuinn, Bhrigh bhi labhairt mu d’ chliuth-se, Cha d’ rinn mi ni ris ach beantuinn, Ach na faighinn mo dhurachd, Le creideamh dlu ’s ris leantuin, Bhi mar Pheinicidh dlu dhuit, Anns an ur-bhalla neamhaidh. LE HUISTEAN FRISEAL