[TD 1] LEABHAR CHEISTEAN MU NADUR A BHAISTIDH, AIRSON Seòladh agus Cuideachadh Pharantan ’N AN DLEASNAS A THAOBH AN ORDUGH SO. MAILLE RI EARAIL DHOIBHSAN A THA CUIR AN DLEASNAS ’S AN NI SO ANN AN BEAG SUIM. LE A. BEITH, MINISTEAR. AN DARNA CLO BHUALADH. GLASCHO: R’AN REIC LE M. OGLE & SON. 1840. [Price Threepence.] [TD 2] [Blank] [TD 3] LEABHAR CHEISTEAN MU NADUR A BHAISTIDH, &c. 1 Ceist. Co dh’orduich am baisteadh air tùs? Freagradh. Criosd. 2 C. C ’uin a dh’orduich se e? F. An deigh dha eirigh ’o na marbhaidh, ’nuair a bha e ’dol a dh’fhàgail a dheisciobuil agus a philltinn dh’ ionnsuidh ’Athair. 3 C. C ’àit am bheil so air innseadh? F. Anns an t-soisgeul a reir Mata xxviii. 18—20. agus a rìs ’s an t-soisgeul a reir Marc xvi. 15, 16. 4 C. Nach sacramaid am baisteadh? F. ’Se. 5 C. Ciod e an sacramaid eile a tha ann fuidh fhrithealadh an Tiomnadh Nuadh? F. Sacramaid suipeir an Tighearn. 6 C. Am bheil an dà shacramaid co-ionnan ann an cudthrom? F. Tha; oir b’e Criosd a dh’orduich iad le cheile, agus tha iad ’nan samhluidhean agus [TD 4] ’nan seùlan air sochairibh a cho-cheangal cheudna. 7 C. An e am peacadh ceudna a tha duine a ’cur an gniomh, co air bith do na sacramaide so a mhi-naomhaicheas è? F. ’Se. 8 C. Ciod e sacramaid? F. A deir leabhar aithghear nan ceist gur sacramaid “ordugh naomh a chuireadh air chois le Criosd, anns am bheil Criosd agus sochairean a ’chumhnainte nuaidh, air an samhlachadh, air an daighneachadh, agus air an cuir ris na Creidmhich, le comharaibh faicsinneach.” 9 C. Nach eil am baisteadh mata, anns a cheùd àit, na SHAMHLADH air sochairibh chumhnaint nan gràs, no a chumhnainte nuaidh? F. Tha. 10 C. Nach eil e, ’san dàra àit, ’na SHEUL air na sochairibh so? F. Tha. 11 C. Ciod a tha thu cialluchadh le cumhnant nan gràs? F. An cumhnant sin a chaidh dheanadh, a leth dhaoine, eadar Dia an t-Athair agus Dia am Mac ’o shiorruidheachd. 12. C. Ciod na tha thu leughadh mu thimchiol a chumhnaint so ’san Scrioptur? F. Tha mi a leughadh—air do Dhia a bhi faicinn ro-laimh leagadh an duine, ’nuair nach robh sùil ann a ghabhadh truas na lamh ann a chuidicheadh, ghabh esan truas—seadh ghrad- [TD 5] haich è an saoghal co mòr agus gu’n d’ thug e aon-ghin mhic, chum ’s da thridsan gu’m bitheadh iadsan a bha dol sios do’n t-slochd air an saoradh—eadhon na h-uile a ghabhas ri Criosd le creidimh beo. 13. C. Ciod na dh’iarradh air Criosd chum an t-Slainte so ’choisinn airson dhaoine? F. Dhiarradh gu’m bitheadh esan do nach b’aithne peacadh air a dheanamh na pheacadh air ar sonne; gu’m fuilingeadh è fearg neo-chriochnach Dhè—agus gu’n co-lionadh e a lagh naomh, chum ’s gu’m bitheadh ceartas Dè gu h-iomlan a’ faotainn dioladh. 14 C. An do cho-lion Criosd gach uil’ fhìreantachd a reir toil Dhè agus chum làn-dioladh a cheartais? F. Cho-lion. 15. C. Cia mar a tha fios agad air so? F. Tha mi a’ leughadh, gu’n d’ thainig guth o neamh, d’a thaobh, ag radh “Is e so mo mhac gradhach am bheil mo mhòr thlachd,” Mat. iii. 17.—gu’m be na thubhairt e fein ’nuair a bha e ri h-uchd a bhais, “Chriochnaich mi ’n obair a thug thu dhomh r’a dheanamh,” Eoin xvii. 4.—agus gu’m b’ iad a bhriathran air a chrann, ’nuair a thug e suas a Spiorad, “Tha e criochnaichte.” Eoin xix. 30. 16. C. Nach do choisinn Criosd, tre’n umhlachd so, coir do gach ni a gheal Dia anns a chumhnant shiorruidh, airson na h-uile a ghabhas riu le creidimh beo? [TD 6] F. Choisinn. 17. C. Ciod a tha thu cialluchadh le samhladh? F. Ni a tha na chomharadh, no na fhaileas air nithibh eile. 18 C. Ciod an samhladh a tha air a chleachduin anns a bhaisteadh? F. Uisg—air a dhoirteadh, no air a chrathadh, air an dream ata air am baisteadh.* 19. C. Cia mar a tha am baisteadh na shamhladh air na sochairibh a choisinn Criosd? F. Tha doirteadh an uisge, ann an frithealadh an ordugh, a’ samhluchadh, ’sa cheud aìt, doirteadh fola Chriosd, trid am bheil maitheanas peacadh agus fìreantachd againn, ’nuair a tha an fhuil so air a chur r’ar coguisibh air mhodh spioradail: agus ’s an dara aìt, tha e samhluchadh, doirteadh an Spiorad Naomh, an Ti a tha amhàin comasach air an anam a naomhachadh air dha comhnuidh a ghabhail ann. 20 C. Cia mar a dhearbhas tu gu bheil doirteadh an uisge, anns a bhaisteadh, a’ samhluchadh gu ceart na tha co-chuir fola Chriosd a’ deanamh airson an anam? * Ma tha neach ag iarraidh dearbhaidhean, anns a chànain so, air coir naoidheana ri baisteadh, no air iomchuidheachd a mhodh air am bheil an sochair air a fhrithealadh le doirteadh no crathadh uisge, tha e air a sheòladh dh’ionnsuidh leabhar beag air na puinc sin, a bha air a chuir a mach le ughdar an leabhar cheistean so. [TD 7] F. ’Se nadur an uisge gu’n glan e air falbh o ’n chorp an t-salachair a leanas ris, agus tha e air a radh, “as eugmhais dortaidh fola cha n’ eil maitheanas r’a fhaotainn,” Eabh ix. 22. a rìs, “glanaidh fuil Iosa Criosd a Mhic sinn o gach uile pheacadh,” 1 Eoin i. 7. agus a rìs, “dh’ ionnlaid e sinn o ar peacaidh ’n a fhuil fein,” Taisb. i. 5. 21. C. Cia mar a dhearbhas tu gu bheil oibreachadh an Spioradh Naomh, air mhodh slainteil ’s an anam, gu ceart air a shamhluchadh leis a bhaisteadh? F. Tha sinn a leughadh, mu “ionnlaid na h-athghineamhuinn, agus ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh,” Tit. iii. 3. agus a rìs, “oir doirtidh mi mach uisge air an tartmhor, agus sruthan air an fhearann chruaidh; doirtidh mi mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil,” Is. xliv. 3. 22. C. Nach iad an dà nithe àraid a tha air an samhluchadh leis a bhaisteadh, mata, Fireanachadh agus Naomhachadh? F. ’S iad; oir annta so tha air am filleadh a steach sochairean mòra a chumhnaint nuaidh. 23. C. Ciod e fìreanachadh? F. “Is e fìreanachadh gniomh saor ghean-maith Dhe, leis am bheil e maitheadh dhuinn ar n-uile pheacaidh, agus a’ gabhail ruinn mar fhìreanaibh ’na fhianais, agus sin amhàin air sgàth fìreantachd Chriosd, air a meas dhuinn, agus air a gabhail thugainn le creidimh amhàin.” [TD 8] 24. C. Ciod e naomhachadh? F. “’Se naomhachadh obair saor-ghrais De, leis am bheil sinn air ar n-athnuadhachadh san duine gu h-iomlan, a reir coslais Dè, agus air ar deanamh comasach ni’s mo agus ni’s mò gu bàsachadh do pheacadh, is teachd beo do fhìreantachd.” 25 C. Nach eil caochladh nithe eile, co-cheangailte ri fìreanachadh agus naomhachadh, a tha air an samhlachadh le ordugh a bhaistidh? F. Tha. 26 C. An ainmich thu cuid dhiubh so? F. Tha an t-uisge, ata na chomharadh anns a bhaistidh, a teachd nuas gu saor as na speuraibh—agus ’se Criosd saor thiodhlac Dhe, a chuir è nuas ’o neamh. 27 C. ’N è ’thubhairt thu, gu bheil Criosd agus sochairean a chumhnaint nuaidh air an tairsgseadh cho saor do na h-uile, ’sa tha an t-uisg’ a tha na neoil a’ doìrteadh a nuas? F. ’Se Dia e fein a thubhairt “Ho gach neach air am bheil tart, thigibhse chum nan uisgeacha; agus esan aig nach eil airgiod, thigibh, ceannuichibh, gun airgiod agus gun luach, fìon agus bainne,” Is. lv. 1. 28 C. Ciod tuilleadh a tha air shamhlachadh leis a Bhaisteadh? F. Tha an t-uisge co ro-fheumail airson a bheatha nadurra, agus ged a bhitheadh na h-uile seors do dheoch aig duine, nach d’ thigeadh e beo as eugmhais uisge; agus ciod air [TD 9] bith na tha againn, gheibh sinn bàs, bàs spioradail agus siorruidh, as eugmhais Chriosd. A rìs; mar a tha an t-uisge a’ fionnarachadh agus ag ath-bheothachadh am fear-turais, ’nuair a tha è fannachadh air an rathad, mar sin tha gràs Chriosd, air dha a bhi air cho-pàirteachadh, a’ fionnarachadh agus ag ath-bheothachadh an anam, ’nuair a dh’fhàsas e sgìth agus fann le fad agus saothair an rathad, a tha dol suas trè’n fhasach thartmhor so. Agus tuille fòs; mar a tha an t-uisge, a thig a nuas, ag ath-nuathachadh aghaidh na talmhain, agus a toirt air a bhi teachd fuidh bhlà agus a bhi siolmhor, mar sin tha gràs Chriosd a toirt air an anam neo-tharbhach a bhi siolmhor, a’ giulan torradh chum na beatha mhaireanach. 29. C. Nach eigin do ghràs Chriosd a bhi air a cho-chuir ris an anam, mu ’m bi am buannachd so againn ’nar fiosrachadh fèin? F. ’S èigin; oir ged a bhitheas tobar ri taobh an duine a tha basachadh le tart, ma ’se is nach ol e do na bheil ann, cha bhi buannachd aige; agus mar an ceudna, ma dhìultas an duine sgìth a bhi ’g òl do’n uisge, ’nuair a choinnicheas e air, cha bhi e air ath-bheothachadh; agus tuille fos, ged a bhitheas na neòil trom le h-uisge, ma ’se agus nach fras iad a nuas, fannaidh an fhearann cruaidh, tiurram, mar a bha è. 30 C. Nach leoir do neach gu bheil e creidsinn ann an èifachd grais Chriosd, o na dearbh- [TD 10] adhaibh a tha e faicinn air so, ann an fein-fhiosrachadh dhaòin’ eile? F. Cha leoir; oir cha d’ thugadh e air falbh tart duine, ged a chreideadh è mar so gu bheil èifachd anns an uisg gu bhi coisgeadh pathadh: cha mhò a dheanadh e an duine fann ’ùrachadh, ged a chreideadh e mar so èifachd an uisg chum ùrachaidh a thoirt dha; agus cha mhò a d’fhàgadh e fearann duine tarbhach, ged a làn-chreidadh è mar so ann an éifeachd na frasan a thig anuas, chum ’fhàgail tarbhach. 31 C. Nach eigin gu’m bith Criosd air a cho-chuir ri anam gach duine fath leth, air a shon fein; dìreach mar a tha an t-uisge air a cho-chuir ra chorp, anns a bhaisteadh? F. ’S-eigin; tha co-chuir an uisge anns a Bhaisteadh, ris an neach a tha ’ga fhaotinn, a’ teagasg so. 32 C. Co dha ’bhuinneas e Criosd a cho-chuir ris an anam? F. Buinnidh do’n Spiorad Naomh, Eoin, xvi. 14. 33 C. C’uin a tha an Spiorad a co-chuir Criosd ris an anam? F. ’N uair a tha sinne air ar toirt gu gabhail ris, le creidimh beo, mar Shlanuighfhear iomlan ar n-anam. 34 C. Ciod an t-ainm a tha an co-chur, agus an gabhail ri Criosd so, a faotainn ’s an Scrioptur? F. A deirear ris aonachd ri Criosd; agus [TD 11] tha e air a shamhluchadh ’s an Scrioptur leis an aonachd a tha eadar craobh agus a geugan; eadar buill a chuirp agus an ceann; eadar clachan tighe agus an steidh air am bheil iad air an togail agus le iomadach samhladh eile. 35 C. Nach eil an aonachd sin, mata, a tha co-sheasamh eadar Criosd agus anaman Chreidmhich, air a shamhlachadh anns a bhaistidh mar an ceudna? F. Tha. 36 C. Nach d’ thubhairt thu, gu bheil am baisteadh na SHEUL air socharan a chumhnaint nuaidh cho math agus a tha e na shamhladh orra? F. Thubhairt. 37 C. Ciod a tha thu cialluchadh le SEUL? F. ’N uair a tha cumhnant air bith air a dhaighneachadh, no air a dheanamh cinnteach, eadar dhaoine, tha iad a’cur an seul ris. 38 C. Agus ciod a tha thu cialluchadh ’nuair a deir thu gu bheil am baisteadh na sheùl air sochairibh a chumhnant nuaidh? F. Anns a bhaisteadh, ’nuair a tha e air a fhrithealadh do neach, tha mi a’faicinn dearbhadh follaiseach, air a thabhairt le Dia, gu’m buin sochairean a chunainte dhoibhsan uile a ghabhas ri Criosd—agus tha mi ’cluintinn gealladh follaisach, air son an leanabh, air a thoirt leis a pharant, gu’n gabh e ri Criosd agus ri sochairibh a chumhnaint, chum ’s gu’m bith e air taobh Dhè mar a sheirbheasach. [TD 12] 39. C. Am bheil na sochairean so mata air an deanamh cinnteach do na h-uile a tha air am baisteadh? F. Cha’n’eil; ach dhoibhsan amhàin a ghabhas ri Criosd. 40 C. Cia mar a dhearbhas tu so? F. Cha d’ thubhairt Criosd “Ge b’e a bhaistear saorar e,” ach “ge b’e a chreideas agus a bhaistear saorar è, agus ge b’e nach creid ditear e,” Marc xvi. 16. 41 C. Am bheil eiseimpleir againn air neach a chaidh bhaisteadh leis na h-abstolaibh, gidheadh nach robh ’na fhior chreidmhach—no, ann an briathraibh eile, eiseimplear air neach a chaidh bhaisteadh, ach do nach robh air an daighneachadh na nithe a shamhlaich am baisteadh? F. Tha sinn a’ leughadh mu Shimon Magus, an deigh dha bhi air a bhaisteadh, ’nuair a chunnaic an t-abstol Peadar ciod an spiorad a bha ann, dhinnis e dha “chan’n’eil do chridhe dìreach am fiannuis Dhè—oir tha mi gad fhaicinn ann an domhlas na seirbhe agus fuidh chuibhreach na h-eucorach.” Gniomh viii. 21–23. 42 C. Agus ciod, ma seadh, na tha am baisteadh a deanamh airson an dream neo-iompaichte a fhuair a fhrithealadh? F. Tha e gun bhuannachd dhoibh; ach gu bheil e na h-shamhladh air na sochairean sin air am bheil còir aig an dream amhàin a chreideas ann an Criosd. [TD 13] 43 C. Ach nach fheud an deas-ghnath fhollaiseach so a theachd gu bhi na sheul air sochairibh a chumhnaint nuaidh, eadhon do’n dream ud? F. Feudaidh. 44 C. C’ uin a thacharas so? F. ’N uair a tha iad air an toirt gu gabhail ri Criosd, le creidimh beo, agus gu bhi cur an dochas gu thuile ann. 45 C. Am bheil èifachd a bhaistidh mar Sheul co-cheangailte ri h-am a fhrithealaidh? F. Cha’n’eil; oir feudaidh an leanabh a tha air a bhaisteadh a bhith iomadach bliadhn’ na choigreach o Dhia; gidheadh, ma philleas e le fior aithreachas ga ionnsuidh, air an là air an dean è so, tha còir aige gu amharc air a bhaisteadh mar sheul, a thugadh le Dia, a dhearbhadh gu’m buin sochairean a chumhnaint uile dha, ann an Criosd. 46 C. An èigin an neach so a thaisbeanar an dara h-uair ’sa bhaisteadh? F. Cha n-eigin gu cinnteach; oir cha’n’eil e air àithneadh no air iarraidh ’s an Scrioptur; ach, an aghaidh sin, ged a tha sinn a leughadh mu thimchiol teaghlaichean, eadar bheag agus mhoir, a chaidh bhaisteadh leis na h-abstolaibh, cha’n’eil iomradh air ath-bhaisteadh a h-aon diubh air dhoibh teachd gu h-aois agus gu h-aithreachas. 47 C. Nach eil an ath-bhaisteadh feumail [TD 14] airson sliochd phàrantan mi-dhiadhaidh, nuair a tha iad air an iompachadh? F. Cha’n’eil; do bhrigh gu bheil èifeachd a bhaistidh a’ co-sheasamh, cha’n ’e ann an giulan an dream a tha cumail suas an leanabana, ach ann an toil agus ann an gealladh Dhè. 48 C. Ciod a thacharras do na naoidheanaibh sin a tha bàsachadh gun a bhi air am baisteadh? F. Ma bha iad nan sliochd do pharantaibh chreidmhach, bha còir aca air a bhaisteadh, agus cha’n fhuilling iad call ann a bhi a dheasbhuidh air—agus a chionn gu bheil iad anns a chumhnant maille r’am parantan, bithidh iad air an saoradh tre Chriosd. Airson sliochd pharantan mhi-chreidmhach, cha robh còir aca air baisteadh tre na parantaibh sin; agus airson an saoradh, ged nach eil an Scrioptur co soilleir d’an taobhsan, gidheadh tha aobhar dhochas ann, gu’n ruig èifachd fola Chriosd eadhon orrasan, ’n uair a tha iad a basachadh n’an naoideanaibh. 49 C. Am bheil am baisteadh mata ro-fheumail chum slainte? F. Cha’n’eil; oir cha dubhairt Criosd “Ge b’e nach baistear ditear è.” 50 C. Nach fheùdar a radh, an lorg so uile, gu bheil Dia, anns an ordugh so, ga cheangal fein le a ghealladh gu bhi na Dhia dhoibhsan a ghabhas ris ann an Criosd? F. Feùdaidh; oir an neach a chaidh ’bhais- [TD 15] teadh tha e giùlan leis, cia air bith àit ionnsuidh am bheil e dol, dearbhadh gu bheil Dia toileach trocair a dheanamh air anam;—tha e giulan leis cuireadh agus brosnachadh gu Criosd a ghlacadh, mar bhunait a dhòchas, agus gu a dhroch shlighean fein a threìgsinn. 51 C. Nach d’ thubhairt thu gu bheil ceangal orrasan air an robh am baisteadh air a fhrithealadh, an lorg an t-sochair so bhi aca? F. Thubhairt; oir air dhuinn a bhi air ar baisteadh, tha sinn a teachd “fuidh ghealladh do’n Tighearn gu bi sinn leisan.” 52 C. Ciod ’a tha thu ’cialluchadh le so? F. Gu bheil sinn, anns a bhaisteadh, ga ’r ceangal fein gu cùl a chuir ris an Diabhuil, an t-saoghal agus an fheòil—gu Dia a roghnachadh mar chuspair air gràidh—gu a lagh a bhi againn mar riaghailt ar beatha—agus a ghlòir mar ar crioch àraid. 53 C. Cia mar a tha sinn gu Dia a roghnachadh? F. Le bhi gabhail ris mar a tha è ann an Criosd, agus ri Criosd mar a tha e air ’thairgseadh ’s an t-soisgeul, ’na dhreùchdaibh uile, mar an t-aon dochas a chuireadh roimhne; a’ dearbh-chreidsinn nach eil “ainm air bith eile air a thoirt fuidh neamh trid am feud sin a bhith air ar saoradh.” 54 C. Cia mar a tha sinn gu bhi cur an aghaidh na tha an aghaidh Dhe? F. Le bhi ’g earbsa ris a ghràs a gheal esan [TD 16] a bhitheadh foghainteach, agus le bhi ’g oidhearpachadh, aig an am cheudna, le sùil againn ri crìch ar n-earbsa. 55 C. Cia mar is eigin an lagh a cholionadh? F. ’S eigin a cholionadh o ghràdh ’n ar cridhe dha—gradh a bheir oirnn aontachadh leis mar lagh naomh, ceart, agus maith, agus a bhrosnaicheas sinn gu bhi ’g iarraidh ùmhlachd dha ’n a iarrtaisibh uile. 56 C. Am bheil na h-uile a fhuair baisteadh fuidh cheangal do’n t-seors a dh’ ainmich thu? F. Tha; agus maille ri peacaibh eile a dh’ fheudas a bhi air an agairt ’n ar n-aghaidh, tha so ann gu’n do bhrist sinn na bòidean a bhòidich sinn do Dhia. 57 C. Cia mar is urradh a ràdh gu bheil duine fuidh’n cheangal so, ’nuair a bha e gun tuigs’ agus eolais ’s an am ’s an robh comharadh a cheangail air a fhrithealadh air? F. Gheal ar parantan ’s a bhaisteadh air arson gu’m “bitheamaid le Dia” mar ’chaidh ’mhìneachadh. 58 C. Ach ma ’se is nach d’ aòntaich sinne leis na gheal ar parantan, cia mar a tha an gealladh ’luidh oirnn? F. Dh’ aontaich cuid againn leis a ghealladh—a chuid sin againn a shuidh aig bord an Tighearn, oir an sin ghabh sinn oirnn fèin na bòidean a chaidh ghabhail le ar parantaibh air [TD 17] arson—agus a chuid sin eil’ againn a chum suas ar cloinn anns a Bhaisteadh do Dhia, oir an sin dh’ aidich sinn gu follaisach gu’n robh an ni a chaidh dheanamh air ar son fein ceart agus maith. A thàobh chàich, nach d’ rinn an aon diubh so, do bhrigh gu’n robh an gealladh air a thoirt gu follaisach air an son an lathair na h-Eaglais, ’s èigin gu’m bith an àicheadhsan ceart co follaisach mu’m bith iad air an fuasgladh. 59 C. ’N è na thubhairt thu gu’n do dhaighnich parantan agus luchd comannachadh, le an toil fein, an gealladh a thugadh air an son is iad ’nan naoidhanaibh—agus a thaobh an dream eile, gu bheil iad, ann an sùil an lagh, ceangailte le an toil feìn, mar an ceudna, gus an dean iad àicheadh follaiseach air na gheal am parantan air an son? F. ’Sè. 60 C. Nach math a thig e do’n dream a chaidh bhaisteadh, uime sin, a’ bhi feòrachadh dhiubh fein, am bheil iad a’ cur an aghaidh an Diabhuil, an t-saoghail agus an fheòil—cia mar a tha iad a deanamh so—agus cia mar a tha iad a’ taisbeanadh gràdh do Dhia—ùmhlachd d’a lagh, agus iarrtuis airson a ghlòir? F. Is math; oir tha an Scrioptur ag ràdh “An uair a bhòideacheas tu bòid do Dhia, na cuir dàil na dioladh; oir cha’n’eil tlachd aige ann an amadanaibh: an ni a bhoidicheas tu, diol e. Is fearr gun thu bhoideachadh na gu’m [TD 18] bòidicheadh tu, agus nach diòladh tu,” Ecles. v. 4, 5. 61 C. Co na parantan a dh’ fheùdas baisteadh iarraidh air son an cloinn? F. “Muinntir a ta ’nam buill do’n Eaglais fhaicsinnich.” 62 C. Co a tha thu ’cialluchadh leo sin? F. Muinntir a chaidh bhaisteadh iad feìn, a tha deanamh aidmheil air Criosd, agus aig am bheil caitheadh-beatha a reìr an aidmheil. 63 C. Am bheil aig parantan a ta aineolach air an t-soisgeul, aineolach air nadur a bhaistidh agus air na dleasnasan ceangailte ris, còir air an t-sochair so fhaotainn? F. Cha’n’eil. 64 C. Am bheil còir aig na parantan sin air, a tha gun fhìor iompachadh, ged a tha èolas aca? F. Cha’n’eil; oir bha na h-abstola a’ baisteadh clann agus teaghlaichean chreidmhich amhàin. 65. C. Nach buin e do na parantaibh a tha ’g iarraidh, no do na parantaibh a fhuair baisteadh airson an sliochd, iad fein a cheasnachadh mu’n iompachaidh agus mu’n creidimh? F. Buinnidh; oir ma tha iad a teachd gu neo-iomchaidh dh’ionnsuidh an ordugh so, tha iad ga mhì-naomhachadh; agus a chionn gur Dia eùdmhor ar Diane, bithidh è na theine dian-lasadh ’n an aghaidh airson a pheacadh ud. [TD 19] 66 C. Am bheil e na chall do chloinn dhaoine neo-iompaichte a bhi as eugmhais baisteadh? F. Tha e na chall do-labhairt dhoibh, air iomadh doigh, nach eil’ am parantan do theaghlach a chreidimh; ach a chionn nach eil còir aig am parantan gu bhi ’g an cumail suas ’sa bhaisteadh, am fad agus a tha ian fhèin neo-iompaichte, cha bhitheadh e na bhuannachd dhoibh ged a gheidheadh iad an t-sochair tre’n daimh riusan. 67 C. Agus ciod is còir do pharantaibh, nach urradh a chur an teagamh gu bheil iad neo-iompaichte, a dheanamh? F. Is còir dhoibh a bhi air an irioslachadh gu mòr; is coir dhoibh dol a dhionnsuidh Dhè ann an urnaigh— an Ti a bheir gras “do gach neach gu pailt agus nach dean maoidheamh;” is còir dhoibh, leis gach uile dhichiol, na meadhonan a dh’ orduicheadh le Dia a chleuchdainn, ’chum ’s le beannachadh an Tighearna, gu’m bith iad air an toirt gu mothachadh agus gu fìor aithreachas. 68 C. Nach ro-chunnartach a chùis e do na parantaibh sin a tha dol air an aghaidh ’ionnsuidh an ordugh so, gu h-aineolach agus gu neo-mhothachail? F. Seadh; ged nach eil daoine ga thoirt fainear, no ga chuir ann an suim. 69 C. Cia mar a dh’ fheùdas olc a pheacuidh so a bhi air a nochdadh? [TD 20] F. Le bhi gabhail geur-bheachd air an aidmheil a tha parantan a deanamh ’sa bhaisteadh agus air a ghealladh a tha iad a toirt. 70 C. Ciod an aidmheil a tha air a dheanamh leo? F. ’N uair a sheasas duine le ’leanabh ’sa bhaisteadh, tha e le so ag radh, gur aithne dha Dia mar a Dhia—gu bheil è èolach air slighe na slainte tre Chriosd—gu bheil e an deigh Criosd a ghabhail le uile chridhe mar a Shlanuighfhear iomlan—gu’n do chuir e cùl ris gach dochas eile—agus gur e nis iarrtais aonfhillte anam gu’m bith a cheart eolas, a cheart Slanuighfhear, agus a cheart dochas so aig a leanabh. 71 C. Nach urradh an aidmheil so a bhi air a dheanamh le daòine neo-iompaichte? F. Cha n-urradh ann an tre’dhireas; agus uime sin tha iad a deanamh BREUG do Dhia ’nuair a tha iad a’ cumail suas leanabh ’sa bhaisteadh. 72 C. Ach ciod an gealladh a tha parantan a toirt ’sa bhaisteadh? F. Tha iad a gealtuinn, ’sa cheud ait, gu’m bith iad a’ cleachduinn urnaigh dhùrachdach airson an leanabana agus maille riu, ann an uaigneas agus ’san teaghlach. Tha iad a gealtuinn, ’san dara ait, gum bith iad a’ teagasg an leanabana ann an èolas an t-soisgeul, a’ feuchain dhoibh slighe na slainte tre Chriosd agus a sparradh orra, gun sgur agus le gach uile dhichiol, gabhail ris mar dhòchas aoinfhillte an [TD 21] anama. Agus tha iad a’ gealtuinn, ’san aite mu dheireadh, gu’m bith iad a taisbeanadh, le ’n eiseimpleir, gu’n do ghabh iad fein ri Criosd, agus gu bheil iad air an co-èigneachadh le a ghràdh, gu bhi beò, cha n-ann dhoibh fein, ach dhasan;—a’ gradhachadh a lagh uile, agus ag oidhearpachadh a bhi ’ga cho-lionadh ann an tredhireas. 73. C. Agus a chionn nach urradh duine neo-iompaichte an gealladh so cho-lionadh am bheil è, ’nuair a tha e faòtainn baisteadh d’a leanabh, a ’deanamh BREUG do Dhia? F. Tha. 74 C. Cia mar a tha UAMHAS a pheacaidh so air a dhearbhadh? F. Tha Dia, ’na fhocal, ag radh, “Na meallar sibh; cha deanar fanoid air Dia,” Gal. vi. 7. “aig na h-uile bhreugairibh, bithidh an cuibhrionn anns an loch a ta dearg lasadh le teine agus pronnusc: ni a’s e’n dara bàs,” Taisb. xxi. 8. 75 C. Thubhairt thu gu bheil è mar fhiach’ air parantan a tha cumail ’suas an clann ’sa bhaisteadh a bhi ’g ùrnaigh air an son agus maille riu: coid a tha thu ’ciallachadh le so? F. Tha mi a’ cialluchadh, do bhrigh gu’n d’earbadh le Dia do pharant cùram anam neo-bhàsmhor a leanaibh, agus do bhrigh gu’n do rinn e feìn aidmheil ’s a bhaistidh air a iarrtais a thaobh mhaith spioradail a shliochd, gur e ’dhleasnas a bhi tric aig cathair na trocair ag iar- [TD 22] raidh ’o Dhia, airson a leanabh, na sochairean a shamhluich am baisteadh. Agus a thuile air so, tha mi ag cialluchadh, gur e dleasnas a phàrant, ’nuair a thig an leanabh gu tuigse, a bhi ’g ùrnaigh maille ris, cha n-e amhàin ’s an teaghlach, ach ann an uaigneas leis fein. 76 C. Nach iad na parantan sin a tha dùrachdach ann a bhi ’g iarraidh na sochairean a tha air an samhlachadh ’sa bhaisteadh, agus a tha cumail suas aoradh-theaghlaich—nach iadsan a tha coilionadh gu iomchaidh a chuid so do ’n ghealladh a thug iad do Dhia? F. ’S iad. 77 C. Ciod a tha fàgail urnaigh na ni cho ro-fheumail? F. Tha Dia ag ràdh ’na fhocal “Iarruibh, agus bheirear dhuibh: siribh agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosgaillear dhuibh,” Mata vii. 7. Agus a rìs, “Mar so deir an Tighearn Dia, bithidh mise fathasd air m’iarruidh ’san ni so le tigh Israeil, a chum a dheanamh air an son,” Esec. xxxvi. 37. 78 C. Nach eil parantan fuidh ghealladh gum bith iad a teagasg an clann ann an nithe spioradail ’n uair a tha iad air teachd gu-h-aois? F. Tha; oir ’s e àithn an Tighearn: “Teagaisg leanabh a thaobh na slighe air an còir dha imeachd,” Gnathfhoc. xxxii. 6. 79 C. Cia mar a tha an gealladh so gu h-iomchuidh air a choilionadh? [TD 23] F. Tha e gu h-iomchuidh air a choilionadh ’sa cheud ait, ’nuair a tha parant, le suil aige r’a dhleasnas, ag iarraidh teagasg agus seoladh o Dhia: ’s an dara ait, ’n uair a tha e a’ gnàthachadh na meadhonan a dh’òrduich Dia, le dùrachd agus le creidimh: agus ’s an treas ait, ’nuair a tha suìl aige ri buannachd, ’na shaothair, amhàin o bheannachd an Ti a’s aìrde. 80 C. Ciod na meadhonan a tha gu bhi air an gnathachadh airson teagaisg na cloinne? F. O’s ceann gach ni eile, tha leughadh na Scriopturan gu bhi air a chleuchdainn; maille ri so tha leughadh leabhraichean eile a tha air an tarruing o’n Scrioptur, mar a tha “Leabhar aithghear nan ceist,” gu bhi air an cleuchdainn; tha searmonachadh an fhocail gu bhi air eìsdeachd—agus tuille fos tha conaltradh bitheanta air nithe spioradail, agus ann an cainnt so-thuigsinn, gu bhi air a ghnàthachadh. 81 C. C’ uin as còir an teagasg so tòisachadh? F. Cho luath agus a tha an tuigse as lugha aig an leanabh, agus mu ’m bith Satan ’g a lionadh le eolas air nithe eile. 82 C. Cia tric is còir do pharant e fein a chleuchdainn ’san dleasnas so? F. Gach uair air am bheil cothram aige—a h-uile là—ach gu sonraichte air là na Sabaid; oir a deir Dia ’na fhocal “bithidh na briathra so, a tha mi ’g àithneadh dhuit an diugh, ann do [TD 24] chridhe. Agus teagaisgibh tu iad do d’chloinn agus labhraidh tu orra ’nuair shuidheas tu a’ d’ thigh, agus an uair a dh’imicheas tu air an t-slighe, agus an uair a luidheas tu sìos, agus an uair a dh’ èireas tu suas. Agus ceanglaidh tu iad mar chomhar air do laimh, agus bithidh iad mar eudanain eadar do shùilibh,” Deut. vi. 6, 7, 8. 83 C. Nach eil parantan fuidh ghealladh, gum bith iad le’n giulan agus an caitheadh-beatha, a toirt dearbhadh cinnteach gu bheil iad ’nam pobul aig Dia agus fuidh a eagal? F. Tha; oir bithidh ùrnaighean agus teagasg gun èifachd, ged a bhitheas iad air an cleuchdainn, ma ’se agus nach eil iad air an daighneachadh le giùlan iomchaidh. 84 C. Ciod a tha thu cialluchadh le giulan iomchaidh? F. Giùlan a tha taisbeanadh gràdh agus umhlachd do Dhia agus d’a lagh naomha gu lèir—gìulan a tha cur eadar-dheallachadh eadar fìor pobul an Tighearn agus daoine aingidh, le cuideachd agus càirdeas a cheùd seors a roghnachadh agus iarraidh, agus le cuideachd agus càirdeas agus eiseimpleir an seors’ eile fhuathachadh, agus a sheachnadh—giùlan tuille fòs, a chuireas onair air orduighibh follaiseach Dhè uile, gu sonraichte a naomhaicheas là na Sabaid, agus a ghràdhaicheas dleasnasan an làtha naomha sin gu lèir. 85 C. Am feùd na parantan a tha mar so le [TD 25] h-eolais, irioslachaidh, creidimh, durachd agus beo-iarrtuis, a feitheamh ri beannuchadh Dhe airson an sliochd, sùil a bhith aca ris? F. Feudaibh; oir an uair a dh’iarr Dia air parant a leanabh a theagasg a thaobh na slighe ceart, gheal e “an uair a bhios e sean, cha treig è ì,” Gnathfhoc. xxi. 6. Agus thubhairt Iosa, “Fulaingidh do na leanabaibh, agus na bacaibh dhoibh teachd a m’ ionnsuidh: oir is ann d’an leithidibh sin a ta rioghachd neimhe. Agus chuir e a lamhan orra agus bheannuich se iad,” Mata xix. 14. Marc x. 14. A thuile air na h-earranan so do’n Scrioptur, tha e air a thoirt fanear, le daoine a rannsuich a chuis, gur ainmic a bha an leanabh, a thogadh mar ’chaidh mhineachadh, caillte fa dheireadh. 86 C. Nach buin e do Mhinistirean a bhi treibhdhireach a thaobh an dream a tha iad a leigeil air aghaidh ionnsuidh an t-ordugh so? F. Buinidh, ma’s math leo an anaman fein a ghleidheadh o chionnt ’sa chùis. 87 C. Ciod a tha na dhleasnas orra? F. Do bhrigh ’s gur e ceart-chòir Dhè amhàin breth a thoirt air staid chridhe duine, cha bhuin e dhoibhsan so a dheanamh; ach tha e mar fhiach’ orra breth a thoirt air eolas an neach a tha ’g iarraidh baisteadh airson a leanaibh, air a thuigs a thaobh nithe spioradail, agus air a chaitheadh-bheatha, nithe a’s urradh amhàin a [TD 26] bhi nan comharaibh agus nan dearbhaibh air treibhdhireas ’na aidmheil. 88 C. Ma tha esan a tha ’g iarraidh sochair a bhaistidh aineolach, ciod e dleasnas Mhinisteir fìreanach? F. Is e a dhleasnas meadhonan a ghnathachadh, ann an uaigneas agus am follas, gu a theagasg—’s còir dha urnaigh mar an ceudna a dheanamh air a shon, gu’n teagaisg Dia e air mhodh slànteil. 89 C. Ma tha a chaitheadh-beatha neo-fhreagarach d’a aidmheil, ciod is còir a dheanamh? F. Cha n’ fheudar a leigeil air aghaidh chum an ordugh gus am bi dearbhaidhean, air aithreachas agus ath-nuathachadh beatha, air an taisbeanadh leis. 90 C. Ciod an rùn is còir a bhi aig Ministeir ann an so uile? F. Maith a dheanamh do’n duine a tha aige fuidh ’theagasg, ordugh a bhaistidh a ghleidheadh neo-thruailidh, agus Dia a ghlòruchadh. 91 C. Nach coir do mhuinntir a tha mar so neo-iomchaidh airson an t-ordugh, a striochdadh, le taingealachd, ri focal an Tighearn agus ris na dh’orduich esan airson am maith spioradail. F. ’S còir; oir ’nuair a tha iad a diultadh an cumhachd a thug Dia d’a Eaglais air thalamh, tha iad a diultadh cha n’e daoine ach an Tighearn Dia e fein: agus is coir dhoibh gach [TD 27] meadhon a ghnathachadh, a dh’ fheudas, le beannachadh Dhe, an toirt gu nuadh-umhlachd agus beatha spioradail; ’s a dh’ fheudas mar so an uimeachadh airson an t-socair, a dhiultadh dhoibh car tamuil, fhaotinn fa dheireadh air mhodh iomchaidh. [TD 28] EARAIL Do na parantaibh sin a tha cur an dleasnas a thaobh a bhaistidh ann an beag suim. CHA n-urradh a chuir an teagamh gu bheil sàr-aineolas ann mu’n bhaisteadh—aineolas a tha tarruing mòran dhaoine ann an peacadh nach eil iad a’ meas mar ’thigeadh e dhoibh. Cha’n’eil dìth iomaguin orra gum bitheadh an sochair air a fhrithealadh d’an sliochd; ach a thaobh na tha air iarraidh orra mar pharantan, chum’s gu’m bith iad ann an staid iomchuidh dh’fhaotinn an t-sochair, cha’n’eil a chuid is mò, a’ smuaineachadh idir air. Airson an iomaguin a thaobh frithealaidh an ordugh, ’se n’a tha toirt èiridh dha gu bitheanta, barailean fàoin, neo-cheart, agus mi-naomha. Uime sin, tha mi ’cur romham ’s an Earail so, anns a cheud ait, cuid do na barailean sin leigeal ris, agus ’s an dara ait, seòladh a thoirt a thaobh am beachd is còir a bhith againn mu ar dleasnas ’san ni so. I. Bheir mi fanear cuid do na barailean neo-iomchuidh, agus na mearachdan, a tha ann an inntinibh mhòran dhaoine mu’n Bhaisteadh. 1. ’Se a cheud ni do ’n t-seors so a dh’ ainmicheas mi, a bharail a tha aig cuid, nach eil anns a Bhaisteadh ach cleachd agus fasan na duthcha anns am bheil iad; agus nach eil ’nan dleasnas a thaobh [TD 29] an ordugh ach aontachadh leo sin. “Gheidh iadsan an sochair so airson an clann, a chionn gu bheil daoin’ eile ga fhaotinn ’s a chum nach bith iad air chaochladh sheòl uapasan; gheidh iad e, a chionn gu’n d’fhuair an athraiche agus an sinnsearan rompa e.” Cha’n’eil sùil idir aca ri toil Dhe mu’n ordugh; ’s gann, corr uair, gu bheil èolas eadhon gur Dia a dh’ orduich e. Nis a thaobh a mhearachd a tha an so, gu bhith ga leigeal ris, cha ruigear a leas ach a thoirt fanear cuid do na nithe a bheireadh an riason cheudna air parantaibh a dheanamh, nam bitheadh iad a’ comhnuidh ann an dùthchaibh eile. Air dhoibh a bhith air an riaghladh le fasan na duthcha, ann an cuid a dh’ àitibh, bhitheadh iad a leigeil leis an t-sagairt a bhi baisteadh an clann air a sheòl feìn, le iomadach deasghnath amaideach, air nach eil an t-iomradh a’s lugha air a dheanamh ’s an Scrioptur; ann an àitibh eile, bhitheadh iad ’g an timchiol-ghearradh, ni gu cinnteach nach eil a nis air iarraidh le Dia; ann an àitibh eile, bhitheadh iad gan tilgeadh ’s an amhain, gu bhith air an ith le beathaichibh allta; agus ann an àitibh eile, bhitheadh iad ’g an losgadh ’s an teine, a toirt orra bhi dol tre’n teine do Mholech. Air do pharantan a bhith air an riaghaladh leis an riason a tha aig moran, ann a bhi toirt an clan a’ ionnsuidh a bhaistidh, (se sin fasan na duthcha) bhitheadh iad nam Papanaich, no ’nan Mahomaitiche, no ’nan luchd aoradh bheathaichean agus amhnuichean, no ’nan luchd-iodhail aoradh, a reir mar a thacharadh dhoibh a bhi nan luchd-àiteachaidh do no duthchaibh far am bheil na mearachdan agus na grànaileachdan ud a riaghladh. ’Se am peacadh a tha co-cheangailte ri duine a [TD 30] bhith air a sheòladh le riason do’n t-seors a dh’ ainmich mi, gu bheil toil, agus ordugh, agus ard-thighearnas Dhe air an cumail gu thuile a sealadh; seadh, nach eil seirbheis idir air a dheanamh dhasan. 2. Bheir mi fanear, mar an dara mhearachd, am barail a tha aig cuid, nach eil anns a bhaisteadh ach deasghnath tre’m bheil ainm air a thoirt do’n leanabh. ’Se so mearachd ro-chumanta. Mar dhearbhadh air so, ’s tric a chluinnear cainnt do ’n t-seors so “nach d’ fhuair an leanabh ainm fathasd do bhrigh nach deach’ a bhaisteadh;” agus an deigh a bhaisteadh, “gu’n d’ fhuair e ainm a nis.” ’S tric a tha parantan, gun rùn eil’ aca ach gu’m bitheadh ainm air a thoirt d’an clann, gan cumail suas ’sa bhaisteadh; agus ’nuair a tha so mar so, is ro-bhronach a mhearachd fuidh am bheil iad. Cha’n’eil e so-innseadh cia as a tha so ag eiridh; ach gu bheil e gun bhunait ’s an Scrioptur tha e ro-fhurasd a nochdadh. Cha do dh’ orduich Criosd am baisteadh airson a chuis so. Tha sinn a leughadh mu bhaisteadh mhuinntir ’s an Tiomnadh nuadh, ach cha’n’eil iomradh air a dheanamh air ainm, ach na bha aca roimh, a bhith air a thoirt doibh cha robh ainm nuadh air a thoirt do Lydia, no do fhear-choimhead a phriosan ann an Philippi, agus cha b’ ann air a shon sin bha iad air am baisteadh; agus cha mhò a bha e air ’thoirt do neach d’ an teaghlaichean a chaidh bhaisteadh leo. Ma tha parantan a smuaineachadh gur ann chum a bhi toirt an ainmean do na naoidheanaibh, a ta Ministeirean ’g an ainmeachadh ’s a bhaisteadh, tha iad fad’ a mearachd. ’S ann ris an leanabh a ta a Mhinisteir a labhairt, ’n uair a tha e ’g a bhaisteadh, agus chum so a dheanamh tha e ’g a ghairm air ainm. [TD 31] ’Se am peacadh a ta co-cheangailte ris a mhearachd so gu bheil daoin’ a taisbeanadh leis na smuaintean suarrach agus neo-iomchuidh a tha aca air Dia, gu’n cuireadh esan air chois sacramaid naomh, gu bhith air a fhrithealadh air mhodh co solaimte, air son crìoch cho faoin is ainm a thoirt do leanabh! Cia beag eolas air na Scriopturaibh is eigin a bhith aig neach a tha ’s a bharail so!—Thugadh e fanear, nach buin e do’n Mhinisteir, agus nach eil e co-cheangailte ris a bhaisteadh, air aon doigh no doigh eile, ainm a thoirt d’a leanabh. ’S ann aig am parant a tha so ra dheanamh, agus tha an t-ainm air a thoirt do’n leanabh, ’nuair a tha e air a scriobhadh ’n a leabhar le Fear cumail na clàr-cuimhne a tha ’s gach sgireachd; no an uair a tha am parant a socrachadh air na inntinn fèin. 3. ’Se an treas mhearachd a dh’ ainmicheas mi, a bharail a ta aig cuid gur ionann am baisteadh agus slainte;—’se sin gu bheil slainte a dol na lorg air leithid do dhoìgh agus nach urradh do neach a bhith air a shaoradh as eugmhais; agus, le a fhrithealadh a bhi aige, gu bheil e ann an staid sabhailte. Gu bheil so ’na mhearachd cumanta, feudar a thuigsinn air a chaint a tha gu tric air a chleuchdain, ’nuair a deirear ri leanabh a chaidh bhaisteadh “Criosdaidh og,” mar gu’m bitheadh èifachd ’s an ordugh so gu atharachadh oibreachadh do’n t-seors sin a’s eigin a bhith ann (agus ris an abrar athbhreith) mu’m bith duine air a shaoradh. Tha dearbhadh eil’ againn air cia cumanta is a tha a mhearachd so, anns a chabhaig a tha air parantaibh, gu tric, air son frithealaidh an ordugh, eagal gu’m faidh an leanaba bàs an ro’-laimh. Dearbhadh eile air an ni cheudna tha againn anns na [TD 32] tha na chleachda ann an cuid a dh’ àitibh, eadhon nach eil naoidheana a tha bàsachadh gun bhaisteadh, air an adhlaic ann an aon àit le muinntir eile, ach ann an àit air leth. Tha a mhearachd thruagh so a teachd air tùs ’o na Papanaich—agus se am peacadh anns am bheil e a’ co-sheasamh, gu bheil baisteadh ar arduchadh leis gu àit Chriosd; gu bheil iompachadh air a mhìneachadh leis mar ni a tha co-sheasamh ann an frithealadh a bhaistidh; agus gu bheil Criosduigh air a chumail a mach leis a bhi gun atharachadh o dhaoin’ eile, ach dìreach gu’n d’ fhuair e baisteadh. Tha e so-thuigsinn gur eagalach an t-eas-onair a tha am mearachd so a’cur air Dia, gur mòr a mhealtaireachd, a thaobh slainte, a ta e ag oibreachadh, agus, uime sin, gur do-labhairt a mhilleadh a tha e ’deanamh air anaman dhaoine. Cha’n’eil èifachd chum slàinte ’s an ordugh so; cha’n’eil ann ach comharadh, no failleas, air nithibh a bhuineas do shlainte; agus an neach a dhearbas ris an fhailleas an àit a bhi ’g amhairc ris an Ti a tha air a shamhlachadh a mach leis, sgriosar e gu cinnteach.* 4. ’S coir dhomh, ’s an àite mu dheireadh fuidh ’n cheann so, a thoirt fanear, mar a tha gùilan mhòran dhaoine, a thaobh a bhaistidh a dearbhadh am beag eolas ’ma thimchiol, agus am beag suim a tha iad a gabhail dheth. Ann an àit a bhi dearbhadh gu bheil mothachadh aca gur sacramaid naomh agus solaimte a tha ga fhrithealadh, ’s an a tha an giulan a taisbeanadh gur e am barail gur ni e tha gairm airson sugradh agus cridhealas. ’S tric a tha cuideachd air a chruineachadh ’nuair a tha baisteadh gu bhi ann, * Chaidh innseadh roimh c’uin a thig e gu bhi na shèul. [TD 33] agus ’se ith, agus òl, caitheamh-aimsir amaideach, eadhon dannsa agus ruitearachd, a tha rompa. Ach am bheil na daoine a tha ri peacadh do’n t-seors so a smuaineachadh ciod ris am bheil iad? Ciod a bharail a bhitheadh aca air daoine a rachadh air an aghaidh air a mhodh cheudna mu shacramaid shuipeir an Tighearn? Ghabhadh iad eagal rompa; ach ciod is fearr an giulan fein? Tha an dà sacramaide coionnan ann an cudthrom, ’se Criosd a dh’ orduich iad le cheile, tha iad nan samhluidhean air na sochairibh ceudna, agus tha Dia co eudmhor mu’n aon duibh agus a tha e mu’n aon eile. O! ’na bitheadh iongantais air parantan ged a tha an clann ’nam briseadh-cridhe dhoibh, ma’s ann mar so a tha iad ’g an taisbeanadh, cha’n ’nam do Dia, ach do’n droch spiorad. ’S mòr an aobhar aithreachais a tha ann do pharantan a pheacaich air a mhodh ud—’s mòr an feum air fuil a chrathaidh, gu bhi ’g an glanadh ’o’n chionnt, a tha luidh orra an lorg a pheacadh a chur iad an gniomh. II. Bithidh mi ni’s a co-dhunadh le seòladh ath-ghoirrid a thoirt mu’n bheachd is coir a bith againn a thaobh ar dleasnas ’san ni so. Thugadh parantan fanear: 1. Gum feùd iad an t-ordugh naomh so a mhi-naomhachadh le aineolas—aineolas air na nithibh a ta air an samhlachadh a mach leis,—air na tha Dia ag iarruidh orrasan a tha ga fhaotinn airson an sliochd,—agus air na dleasnasan a ta co-’cheangailte r’a fhrithealadh. Tha mi ag ainmeachadh so, do bhrigh gu bheil cuid do dhaoine a tha cho fad’ a mearachd ’nam barail, is a bhi smuaineachadh gu bheil an aineolas ’na fhasgadh dhoibh ’o pheanas; mar [TD 34] gu’m faiceadh Dia riason ann an so gu bhi leigeil as an dream a tha dol an aghaidh a thoil.—Nis tha e fiòr gu bheil ciont an dream a pheacaicheas ann an aineolas, ni’s lugha na ciont an dream a tha peacachadh le eolas air an olc a tha iad a’ cur an gniomh: oir bha e air a radh le Criosd “an seirbeiseach sin d’ am b’ aithne toil a mhaighstir, agus nach d’ullaich e fein, agus nach d’ rinn a reir a thoile, buailear e le mòran bhuillean—oir gach neach d’an d’ thugadh mòran, iarrar mòran uaith; agus ge b’e ri’n d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air,” Luc. xii. 47, 48. Ach ged a tha so mar so, tha e fior air an laimh eile, nach eil an duine aineolach, ’n uair a tha e ’peacachadh ’na aineolas, sàor ’o chiont: oir thubhairt Criosd tuille fos “an ti do nach b’ aithne, agus a rinn nithe a b’ airidh air buillibh, buailear esan le beagan bhuillibh.”—O so tha e soilleir ged a tha peanas nam peacaich aineolach ni’s lugha na peanas an dream a pheacaich an aghaidh solus, gidheadh nach eil a h-aon diubh saor o chiont na o na tha dol na lorg. Tha na parantan sin, mata, a tha smuaineachadh gu bheil an aineolas na dhion dhoibh, air an gairm gu an deagh aire a thoirt do’n teagasg a tha an so.—Tha iad air an gairm, gu bhi cleachdadh le gach uile dhichioll na meadhonan a dh’ àithn an Tighearn—leughadh nan Scriopturan, agus leabharaichean eile—urnaigh—feìn-rannsuchadh—agus èisdachd an fhocail. Tha iad air an gairm gu bhi gabhail, le taingealachd, ris an teagasg a tha am ministirean a toirt dhoibh; agus ged a bhitheadh am ministirean toileach a leigeil leo dol air aghaidh a dh’ ionnsuidh a bhaistidh gun an teagasg agus an ceasnachadh, gidheadh cha choir dhoibhsan aon- [TD 35] tachadh le so, ma tha iad dearbhta ’nan cridhibh fein gu bheil iad aineolach—agus neo-iomchuidh. 2. Thugadh parantan fanear, gu bheil iad a mi-naomhachadh ordugh a bhaistidh, ’nuair a tha iad a dol air an aghaidh ’ga ionnsuidh gu h-an-dana. Tha duine a dol air aghaidh gu h-an-dana, ’nuair a tha e a’ mùchadh am beag solus a ta aige—agus a deanamh ni a tha an aghaidh a choguis. Buaillear an duine so le moran bhuilibh—’Nuair a tha e, le eòlas air toil an Tighearn, a deanamh ni a tha an aghaidh an toil sin, tha peacadh ro-eagalach air a chuir an gniomh leis. Tha cuid do dhaoine ann agus is comadh leo an ni a their ministirean riu, a thaobh an aineolas agus an neo-iomchuidheachd airson am baisteadh fhaotainn d’an sliochd. ’Se an ni a tha rompa an t-sochair fhaotainn—tha iad, uime sin, a dunadh an cluas air an ni a tha air a radh riu—tha iad a’ diultadh an teagasg a ta air a thairgseadh agus air a chuir ’nan comas—agus ged is ann gun taing do’n mhinisteir, air aon seòl no seòl eile, gheibh iad an ni a tha uapa. Tha na peacaich an-dana agus truagh so a smuaineachadh gu’n d’ fhuair iad buaidh, ’nuair a raìnig iad air na bha air a dhiùltadh dhoibh, ann an treibh-dhireas airson an anama, car uine ghoirrid; ach thugadh iad an aire na tha focal Dhè ag radh mu’n pheacadh. “An t-anam a ni bheag gu h-an-dana, tha esan a toirt easurraim do’n Tighearna; agus gearrar an t-anam sin as o mheasg a shluaigh do bhrigh gu’n d’rinn e taìr air focal an Tighearna, agus gu’n do bhris e ’àithne; gearrar an t-anam sin as gu tur: bithidh aingidheachd air fein.” “Agus an duine a ni gu h-an-dana, agus nach eisd ris an t-sagairt (a sheasas gu frithealadh an sin an lathair an Tighearna do Dhe)—basaichidh eadhon an duine [TD 36] sin, agus cuiridh tu ’n t-olc air falbh o Israel,” Air. xv. 30, 31. Deut. xvii. 12. Tha na peacuich so air an gairm gu eagal agus fiòr aithreachas—gu aideachadh pheacaidhean agus gu cul a chuir riu. O! na milleadh iad an anaman feìn le bhi bhrosnachadh Dia gu fearg le’n cionta mòr. Dh’ orduich Dia teagasg air an son—na diùltadh iadsan maitheas agus gràs an Tighearna. Strìochdadh iad do fhocal an Tighearna—’se so an sochair, agus am buannachd. 3. Gu bhi brosnachadh pharantan gu beachd solaimte a bhi aca mu’n bhaisteadh—agus cùram a bhi orra nach mi-naomhaich siad e—tha mi ag cur ’nan cuimhne, cia eùdmhor agus a tha Dia m’a orduighean. Cuimhnicheadh iad air ciod a thachair do Uzza ’nuair a chur e a laimh ris an airc gu a ghleidheadh ’o thuiteam: b’e so ni nach robh ceaduichte, bha fios aige air so—no bu choir dha an t-eolas a bhi aige—agus bhàsuich e airson ’an-danadas.—Cuimhnicheadh iad na thachair do Bhelshazzar ’nuair a mhi-naomhaich e soitheachan an Teampul—bhasuich e. Thugadh iad fanear gach rabhadh eil a tha an Scrioptur a toirt, agus gabhadh iad eagal mu’n d’ thig breitheanas do ’n seors cheudna orrasan, ’nuair a bhrosnaicheas iad Dia gu fearg. CRIOCH. ALEX. GARDNER, PRINTER, PAISLEY.