[TD 1] CEANN-IÙIL AN FHIR-IMRICH DO DH’AMERICA MU-THUATH; OR, THE EMIGRANT’S GUIDE TO NORTH AMERICA BY ROBERT M‘DOUGALL, ESQ. Ni fear a dh’fhalbhas ’na thràth Biadh ’us barr ’sam bi toirt; Am feadh bhios tàchrain gun stàth, A’ dol bàs leis a ghort: Bithidh piseach agus loinn Air a chloinn ’s air a mhnaoidh; Am feadh bhios truaghain gun sgoinn, Fo na Goill air an claoidh. GLASGOW: J. & P. CAMPBELL, 24, GLASSFORD STREET. OBAN: J. MILLER—INVERNESS: J. BAIN & CO. DINGWALL: A. KEITH. MDCCCXLI. [TD 2] GLASGOW: PRINTED AT THE UNIVERSITY PRESS, BY E. KHULL. [TD 3] DO’N FHEAR-IMRICH ’Nuair a bhios sgiobar a’ cuir a luinge fo’ sheòl, ann an caladh a dhùchais, is iomadh sùil a bhitheas a’ dearcadh air. Bithidh cuid ag ràdh, os-iosal, r’an companaich—“Nach math a gheibhear e;” ach bithidh cuid eile, air an àm cheudna, ag ràdh—“Tubaist air! cha ’n fhiù e bonn-a-h-ochd; cha chreid mi gus am faic mi e, gun cuir e ’n rudha foidhe:” gidheadh cha neil còir aig neach sam bith air labhairt ris gu follaiseach. Cuiridh e fa sgaoil i, agus bheir e druim na linne air. Ma thig i mìn air chothrom air, càiridh e oirre gach bréid; ma thig i garbh an ceann air, nì e éileadh air a cuid fhilleag, agus fanaidh e aice mar as fhearr a dh’fhaodas e. ’Nuair is mò an doinionn, agus is dluith’ an gabhadh, cha neil dha ach am facal a ràdh, agus seaseaidh a ghillean, aig gach ball beairte, agus aig gach ceann slaite, cho ealamh, agus gu h-inbhe bhig cho clis, ris na feòragan ’an doire nan cnò mu Shamhuinn. Bithidh e, fadheòidh, an gaire do’n cheann-uidhe rùnaichte; ach, mo chreach! cha ’n aithne dha an caolas ceart a staigh do’n long-phort. Uisge salach le boghaichean falaich a dh’fhuaradh air, agus caoir bharr-gheall tràghad an fhearainn-a-leis a’ gàirich a dh’fhasgadh air. Feuch, iomagain a chridhe! nach leòr sgeimh- [TD 4] leadh a bheòil, agus colg luaineach a shùl, ’ga thaisbeineadh? Am feadh a bhios easan an iomsgobadh mu na tha dha ’n dàn, cò a nochdas ach ceann-iùil foirmeil, le choite bhig sgiobailte, agus ann am platha na boise bi’dh e air clàr uachdradh na luinge. “Mach dorn de na phriomh sgòd,” their easan, “agus thoir tuilleadh astair dh’i.” “Fosadh, fosadh ort a sheòid,” their an sgiobair; “an cuir mise mi fein agus mo sgioba ’an cunnart calla, air do shons’ a bheadagain? Feuch dhomh do bharanntas gun d’fhòghluim thu ’bhi ad cheann-iùil!” Sparraidh an ceann-iùil a làmh ’na phòca; bheir e mach a chòir-sgriobhta, agus crathaidh e ri shròin i; agus smid tuilleadh, olc air mhath, cha tig á beul an sgiobaire. Nach cosmhuil uile ri cor an Fhir-imrich? Bha e a’ deanamh a’ ghnothaich aig an taigh mar a chitheadh e fein iomchaidh; b-aithne dha ciod é mu’n robh e, agus cha robh e ’n eisimeil comhairle chàich. Tha e nis ag iarraidh gu cladach fearainn air nach eil e eòlach; tha an “Ceann-Iùil” ’na làn uidheam, gus a threòrachadh do’n chala mhiannaichte; agus a litir-bharann tais aige sgaoilte fa’ chomhair, air a sgriobhadh ann an cainnt nach cuir feum air eadar-theangair. Thigeadh am fear-imrich fo chomaraich, earbadh e ás, tha e dìleas da fein; oir cha neil boine ’na chuislibh ach rogha na fala Gaelich. Ach mus an gabh iad an t-slighe, bu mhiann leis a’ “Cheann-Iùil” aon ghearan a chuir na làthair—’se sin, co [TD 5] duilich is a tha e gum b-fheudar dha iomadh bogha-làir agus sgeir iomallach fhàgail ás a chairt, aig meud na cabhaig a bha air ’ga sgriobhadh, agus gu h-àraidh aig cho beag is a tha i. Gidheadh, tha an fheadhainn air na theab e fhéin, agus air an drinn iomadh fear eile, long bhriseadh, air an comharachadh mach gu riochdail innt. Na cuireadh am Fear-imrich teagamh ’na firinn, guidheam air; oir cha do chuir duine facal an so ach Fhear-dùcha neo-bhruailleineach, Agus fhios thairis, ROB MAC DHUGHAILL. [TD 6] FOSGLADH. Tha imrich nan Gael do dh’America m’a-thuath a nis air tighinn gu bhi ’na cusbair-sgeòil, cha’n ann a mháin do luchd-àiteachidh “nan gleann,” (oir is cian fada o’n la a dh’fhàg “dealachadh nan treun” luaidh acasan air a ghnothach so,) ach mar an ceudna do mhaithith na tìre; ionnas gun do mheas ard-chomhairle na rioghachd i airidh air am mìn-rannsachadh féin o cheann ghoirrid. Thog so ìnntinn a mhòr-sluaigh gu léir, air chor is gun robh gach sean agus òg a feitheamh gu furachair ri “deire gach sgeòil a nasgaidh.”Ach cha robh am mosgladh so ach a chumail ’nan cuimhne “Gur treise greim caillich No tarruing laoich.” Tha na Gaeil mar a bha iad roimh—mòran diubh gun chuid; agus an còmhnadh, mo thruaigh! chaidh ’dhiùltadh dhoibh, a dhaindeoin dìchill an luchd-tagràidh. Ach ged a chuir so stad air an imrich ann an tomhas mòr, cha do chuir e tosd air am beoil o bhi bruidhinn uimpe; tha America na seanchas cho ùr ’sa bha i riamh. Gach beag agus mòr a’ bi-labhairt m’an dealbh a tha e ’tarruing ’na inntinn féin—m’an nì nach fhac, agus, gu mòr is lugha na sin, nach do thuig e riamh. [TD 7] Bhrosnaich so mise, uair no dhà, gus oidheirp a thoirt air feòirlinn bheag a thilgeadh feadh thiodhlaca chàich; ach thug mi fainear gu’n robh an tòrr a bh’ann diubh cho farsuing, chòsach, is gu’n sióladh i sios ann cho fad is nach toirte ’n aire dh’i, agus gu’m bitheadh “ceann-iùil” sgiobalta, laghach de’n ghnè air am bheil mi nis a’ tionnsgnadh mòran ni b-fheumaile. Tha e fior gu bheil iomadh leabhar sgriobhta cheana m’an nì so; gidheadh, cha’n fhiosrach mi gu’m bheil aon leabhar air a sgriobhadh ma’n nì so amhàin fhathast, air son feuma muinntreach nan garbh-chrioch, “Ann sa’ chànain do’n d’thug sin ar gaol, ’S nach tuigear a caochladh leinn.” Cha mhò na sin a shaoilear leam nach biodh rud-éiginn de’n t-seòrsa so anbarrach feumail do’n “fhear-imrich,” air iomadh seòl:—mar chomhairlich’ an àm a bhi ’falbh—mar cheann-iùil fad na slighe—mar oid’-ionnsuich’, agus mar chompannch, ’san duthaich ùir. Cha neil teagamh nach gnothach cudthromach teannadh ri ìnnseadh do’n “fhear-ìmrich” ciamar a dh’fhalbhas, ciamar a ruigeas, agus ciod a ni e ’n déigh ruigheachd; ach bu chòir dhomhs’ a bhi comasach air a chuir ’na earalas m’a so, “Oir is mise ’bh’ann, ’sa chunnaic e.” [TD 8] COMHARACHADH. O’n a rinn mi nis aithnichte na dreuchdan a ghabh mi os-laìmh, tha mi a’ saoilsinn gur e mo dhleasannas, sa’ cheud àite, bhi ’comharachadh ’mach cò a tha, agus cò nach eil, iomchaidh airson an tùruis agus na dùcha m’a bheil sinn a’ labhairt, agus ’si sin Canada Uachdrach; oir is ise cearna de’n dùthaich a tha ’n tràs san amharc agam. Tha mi co tìtheach air deadh riaghailt sa’ gnothach so, is gun toir mi a cheud làmh air na maighdeannan. Do chaileagaibh oga, agus do sheana mhaighdeannaibh, cha neil fhios a’m, ged is mòr am facal e, a’m bheil dùthaich cho maith ri America ann. Tha an dà chuid, cosnadh agns pòsadh, soirbh ri fhaotainn dhoibh an sin; agus cha neil an cosnadh tràilleil, no idir trom. Cha neil guth air cliabh no croman, air tràigh no mòine, ’san aìte sin; agus cha neil e fasanta boirionnaich a bhi ri obair-am-mach ann; n’is fhaide na cuinneag-uisge no maide-connaidh a thoirt a staigh o’n dorus. Se muinntearas miosa gnà na dùcha, agus ’se ceithir dolair ’sa mhios an tuarasdal cumanta ’gheibh searbhant. Chomhairlichinn do gach gruagaich ’sa bheil sgoinn, agus aig a bheil cead-a-coise, i ’dheanamh gach dìchill is urrainn i gu faotainn a null gun dàil. Cha ruig i leas a bhi ’toirt cuallach bhròg leatha, tha caisbheart cho saor thall sa tha i bhos; ach thoireadh i pailteas aodaich leatha, ma tha e na comas, gu sònruichte [TD 9] de’n t-seòrsa sin bhiodh a màthair ’sa seana-mhathair a’ deanamh, ris an canar stuth le cuid, ach caimileid le cuid eile. Tha an t-aodach so ro fheumail ’sa gheamhradh, oir tha e cluthar, blà, agus cha neil e ullamh air teine ’ghabhail mar tha ’n t-aodach cotain. Theid an t-srăd a leumas ás an teine (oir bi’dh sradan cho mòr ri ubh eireig a spreadhadh an tràs ’sa rìs ás an tein’ ’an America) troi’ ghùn cotain cho ealamh ’sa rachadh peileir muisg troi’ ’n ghŭit-fhasgnaidh; ach tuitidh i o’n stuth mar gu’m bu lùireach chruadhach a thachradh rithe. Mu’n gabh mi soraidh leis na maighdeannaibh, tha mi ’g ìnnseadh gu saor, soilleir, do’n tè tha cuir roimhpe nach bi i ùmhal agus feumail do bana-mhaighstir, agus d’a fear fein cuideachd (ma chuireas an tubaist fear ’na căr), gun i dhol a null idir a mhealladh nan aineolach; fanadh i far an aithne dhoibh cò i, agus ciod i a doìgh. Ma tha i gun fhoineachd a bhos, cha b-ann thall dad idir bu mheasaile i, ’nuair dh’fhàsadh iad eòlach uimp’; agus tha ìmrich na h-uile mios ro dhraghail agus ro chosdail ’an America. Tha muinntir am bitheantas an dùil nach deanadh an duin’ òg, nach do cleachdadh ri gniomh aig an taigh, feum sam bith ’an America; ach cha’n ann mar sin a tha chùis. Ma bhios e grundail, ciallach ’na nàdar—toileach criomag thalmhainn fhaotainn fhein, agus ma thuaiream ceud-punnd Sassunnach aige gus toiseachadh,—faodaidh e tighinn air aghaidh gu gasda, gu [TD 10] sonruichte, air glanadh fearainn. Agus carson nach fhaodadh? tha e ceart co eòlach, agus mòran ni’s usadh ionnsuchadh, air an obair sin, no tha am fear a bha fichead bliadhna ’na ghille-croinn ann an Albainn. Ach ma ’sann a thuarasdalaicheas e seirbhisich le chuid airgid, los gu’m faigh e a làmhan a bhi na phòcaibh a’ sealltuinn thairis orra, gheibh e briste-coinnimh, agus bithidh e ’na dhuine bochd ann an tiota. ’Sann a dh’fheumas e fearann, tuagh, daimh, fàl-fuinn, cliath, siol-cuir, agus biadh, a cheannachadh; taigh-tàimh agus sabhal a thogail, leis an airgiod; agus an obair a dheanamh ann am fallas a ghruaidhe fein, gus am bi e murrach air tuarasdal a luchd muinntire a phàighidh le toradh a shaothrach. Mu’r gabh e os-làimh so uile a dheanamh, cha neil e iomchaidh gus a dhol a null; fanadh e mar th’aige. Na cuireadh e cùram idir air an duin’ òg, a tha ’na chosnach math, dol do dh’America, ged nach biodh bonn aige ach na phàigheadh an t-aisig. Gheibh e cosnadh co luath ’sa chuireas e chas air tìr, agus tuarasdal math cuideachd—o leth-dolar gu dolar ’san latha—o dheich gu deich dolair fichead ’sa mhios—o fhichead punnd-Sassannach gu dà fhichead ’sa bhliadhna. Mar so, chithear gum fuiling an tuarasdal prìs an aodaich às an sin, daor ’s mar a tha e, cho math ’sa ni e ’n so, no beagan ni’s fhearr. Ach cha ruig fear, air ùr dhol a staigh do’n dùthaich, leas sùil a bhi aige ris an àrd thuarasdal; oir cha’n airidh [TD 11] air e, gus am fòghlum e obair an àite. Is gnothach ro thruagh do fhear de’n t-seorsa dh’ainmich mi bhi fuireach ann am bochduinn an so, am fad ’sa tha leithid America ri fhaotain aige. Biodh e falbh, ma-tha; agus ma bhios e crionnta, bi’dh aig’, ’an ùine ghearr, rud nach toir fear eile bhuaith am fad ’sis i Breatann is muime do Chanada. Am fear a tha falamh agus ’na dhroch cosnach, gun fheum dha fhein no do dhuin’ eile—gun tlachd aig de nì onarach sam bith, ach a’ falbh m’an cuairt le gunna, ri meirle-sìthne agus nithe mi-laghail eile de’n nàdar cheudna—fanadh e far am bheil e; cha’n iarr mi idir air a dhol do dhùthaich nach eil freagarrach air a shon. Gidheadh, ma bheir “an ni a chuir an earb air an loch” air a bhi “bogadh nan gad” ás a cheann fhéin, tha comhairle agam ri sheachnadh dha:—Thoireadh e leth-chrùn do’n ghobhadh, dh’fheuch an dean e slàbhraidh no bùlas de’n ghunna, a bhios aig a’ chrochadh na poit bhuntàta. Faodaidh e’n crios-guaille ’thoirt leis, dìreach mar a tha e; oir, ma gheibh e daimh am feasd, bi’dh e feumail dha a cheangal a chluig ri amhaich aoin diubh. Gunna! ’s rud sin nach iarrainn air duine sam bith ’thoirt leis, ach air aon duin’ a mhàin—se sin easan aig’ a bheil mòran airgid, agus aig nach eil fhios ciod è bu chòir a dheanamh dheth. Faodaidh e so gunna thoirt leis; oir is tric a chunna mi, ’nuair a theirigeadh an t-airgiod do ’leithid, gu’m biodh an gunna làthair. [TD 12] Bochd no beartach, sean no òg ’gam bheil am fear a tha déigheil air deoch-làidire, cha neil mi ’ga fhuran-sa null. Cha neil; oir cha bu mhath leam giorra-shaoghail’ thoirt air. An dùthaich ann ’sna cheannaich mi am botul branndaidh (ged nach bu mhi fhéin a dh’ òl e) air thasdan, agus ann ’san tric a chosinn mi ceithir tasdain ’san latha, an iarrainn air-san a dhol ann? Cha’n iarradh; ach cuireadh e staigh a shìde car thrì bliadhna aig Comunn na Stuamachd, rachadh e rìs a null, agus bheir a bhean ’sa chlann am beannachd air. Gach Brògair—Cùbair—Gobha—Saor-chairtean—Saor-geal—Saor-long—Taillear agus mar sin sios, nach eil gle cho’romach aig an taigh, be’n gliocas dhoibh grad fhalbh; oir nì luchd ceairde gu ro mhath ann an America. ’Se eadar dolar agus dolar gu leth tuarasdal latha bha aca ann sna shiubhail mise riamh de’n dùthaich; se sin, o cheithir gu sea tasdain de ’n airgiod againne. Cha neil feum idir air Buachailibh ann, mur toisich iad ris an tuathnachas, agus ma thòisicheas, ach iad a bhi cuannta, ni iad cho math ri seòrsa sam bith eile. Tha mòran de na Ceannaichibh, agus tuille ’sa choir de na h-Osdairibh deanamh saibhris ’an Canada. Tha na figheadairean, ann an seadh, cosmhuil ris na Buachailibh; cha neil mor fheum air an seirbheis, ach b-aithne dhomh feadhainn Ghaeleach dhiubh a thòisich ri ’glanadh fearainn, ’sa bha tighinn air aghart gu ro mhath. Bha iad so ’nan starb- [TD 13] hanaich chalma, air an deadh àrachadh, o’n òige, air a bhunndaist; ach cha saoilinn gun deanadh an fheàdhainn chaola dhis, a bhios ann ’sna bailtibh mora, ’bheag de fheum ann. Air son Fidhlearan, Piobairean, agus luchd ealaidh mar sin, cha fhreagair America dhoibh; cha neil an tuath-cheath’rn co gòrach, is gun tilg iad am maoin air falbh air neònachas gun tairbh an sin idir; cha neil Baigeirean ann agus ma fhuair na Ceardan an rathad a null, cha ’n fhaca mi gin dhiubh, ’s cha mhò a thachair an obair, na spàinean adhairc rium. Gach fear a tha mach air aois na Saighdearachd, (dà fhichead agus sea deug,) ged a bhiodh e cho fallain ris an dobhran, cha chuirinn impidh air gus a dhol fairge; n’is lugha no tha nighean no dha aige nach do ghabh sgaoileadh le posadh, agus mar sin sios, fhathast. Sin, no sgioba fearail de bhalachain òga; tha comasach air an làmh a chuir ri cosnadh tìre, seoladaireachd no iasgach. Se aois ’sam feumaile an seòrsa so d’ an athraichibh, tha dol do dh’ America, o dheich bliadhna gu ochd deug. Gu dearbh, tha fear an dà bhliadhna dheug, ma bhios e air oileineachadh mar bu chòir, (ni; ged is nàr ri ìnnseadh e, tha tuill’ is aineamh a’ tachairt am measg nan Gael) beul ri bhi co feumail ri duine ’an tréin an neairt. Ach cò-dhiù, ma tha teaghlach de ’n leithidean so, aig an fhear m’a bheil sinn a’ labhairt, is cruaidh-chridheach an nì dha bhi ’gan cumail ’an so, agus cha ’n ann orrasan a [TD 14] mhàin a tha e ’deanamh na h-eucoire, tuitidh a chuid is mò air a cheann fhein dith; oir bhiodh iadsan mòran na bu chomasaich air còmhnadh leis thall no bhios iad a bhos. Ach, mo chruadal! tha aon fhear eile fhathast do’n fheudar dhomh comhairle ’thoirt. Ach ciod a ruigeas mi leas, ’snach mòr nach d’ thug mi dùil-thairis-dheth cheana? Sann a chuimhnicheas e dhomh bò chaol a’s t-earrach air dol am fèithe, ’sa bheir oidheirp no dhà an toiseach air a chruadhlach a bhuidhinn, ach nuair nach teid a chùis leatha gu ’miann, ni i osnadh throm; bheir i sealladh cianail air aghaidh an tuim a tha fa-chomhair, agus, an sin, ni si i fein co rèidh ri staid ’sis urrainn d’i. Se so, gun atharachadh, am fear a tha ’n sàs an criomaig bhochd fhearainn sa’ Ghaelteachd, a’ pàighidh, abair, o dhà phunnd-shasannach gu leth-chiad de mhàl; agus, eàdhoin gu ceithir-fichead ’sgu ciad an cuid a dh’ àitibh. ’Se so a cheart fhear air am bheil feum aig America, agus ’si America a cheart dúthaich air am bheil feum aig an fhear so. Tha e, gu cìnnteach, ’na ghnothach fior mhuladach a bhi ’faicinn a chlaidrichidh chlaoidhtich a th’ air mòran de ’n t-seòrsa so feadh “nan Gleann,” gun dad aca, faodaidh mi ràdh, air-son an saothrach; iad fhéin ’san teaghlaichean ag àiteachadh mìre de dhroch fhearann nach fuiling tuarasdal luchd muinntreach ás; ’scha nè sin amhàin, ach nach paìghidh tuarasdal sheirbhiseach ged nach iarrte màl idir air a shon; agus, os-bàrr, nach [TD 15] cumadh teaghlach suas ann an dòigh cheairt ged bu leò fhéin ás a ghrunnd è. Tha an dream so air an sàrachadh a’ togail an cloinne an toiseach; tha a rìs, an clann, a’ call an ùine maille riusan, agus ma dheire air an sàrachadh ’gan cumail san suas, gun-sion-saoghalta ac air-son na h-uile căr goirt agus trioblaideach a rinn iad riamh. Sann a bhios nitheana fàdheòidh cho bochd is nach comasach dhoibh an dùthaich fhàgail ged a bhiodh iad deònach; am mac a saoithreachadh n’is deine no ’n t-athair; gidheadh, e mòran, n’is àimbeartaich. Cia eucoltach ri so, tha cŏr teaghlaich ’an America! far nach ruig am mac leas fadal a ghabhail ’còmhnadh an athar, ’nam b-ann mar sin a bhitheadh, ach cha ’nann; sann a tha ’n t-athair’ còmhnadh a mhic, oir sealbhaichidh am mac, cha nè mhàin fearann an athar ach a shaothair mar an ceudna. Tha toilinntinn aig an fhear a tha togail teaghlaich an America nach eil tuath na Gaelteachd a tuigsinn. Ged thòisicheadh e air an ana cothrom, bi’dh e sior dhol am feothas agus neartaichidh so a mhisneach gu buadhhachadh àir gach cruaidh chas a dh’ fhaodas a chòlachadh. Ged thig e dhachaidh gu fann, airsneulach air feasgar di-sathuirn, ’nuair a theid e ’shealltuinn m’a ghnothach ’an ath dhi-luain, ’sa chì e na rinn e air an t-seachdain a dh fhalbh, ás-ùr mar gu’m b-eadh, ’sa their e ris fhéin, nach toir fear eile so uaithe san ri ’bheò, no bho shlioc an déigh a’ bhàis; cha tuig fear gun fhein-fhiosrachadh ’sa chùis a [TD 16] smuaintean. Thig a liuthad latha fada ’bha e ’g obair air fearann dhaoin’ eile an toiseach ’na bheachd, agus an t-suim a bha e ’g iocadh dhoibh ’sa bhliadhna chionn gu’m faigheadh e chead a bhi ’g obair air. Trèoraichidh so e gus cuimhneachadh air an droing a dh’ fhag e na dhéigh ris an obair cheudna, agus air an iomsgobadh thruagh ’sa bheil iad, a’ gabhail egail mur leasaich iad a chroit gu math, nach bi aca no chumas lòn geàmhraidh riu; a’ gabhail eagail ma leasaicheas iad ì, gun tairg fear eile crùn a bharrachd oirre, is gu’m bi an saothair san caillte: ni e osnadh, an toiseach, a’ gabhail truais dhiubh; an sin, ni e faìte beag gàire, a’ fanòid orr’ air-son an gòraiche, agus tòisichidh e, “ri fathaman ’san latha mhath,” air a ghnothach fein. Nis mus an leig mi an ceann so de ’n ghnochach ás mo làmhan bu mhath leam an Leughadair a bhi làn-thuigsinn nach eil mi ’g iarraidh, air dhòigh ’sam bith, air an fhear a tha math nis leòir dheth a bhos, a bhi falbh; ’sann a bheirinn a chomhairle air fuireach, ged a bhiodh falbh ’na bheachd. Cha mhò na sin a bheir mi misneach do’n fhear nach fhalbhadh ach an aghaidh a chàile: tha iodhol air-chor-éiginn aige-san a bhos, agus bithidh e goireasach dha fanachd ’na fhocair. Am fear aig a bheil cuibhrinn chothromach a bhos—gidheadh, nach eile toilichte o’nach eil cŏrag aig’ am millseineachd na tìre tha thall cuideachd—cuimhnicheadh e, [TD 17] “Ged is ciocrach an cù cam, Nach feasdail e bhos a’s thall”— foghlumadh e ’bhi taingeil agus fanadh e far am bheil e eòlach. ULLACHADH, &c. Air leam a-nis, gun d’fhuair mi mo cheann a thogail an deígh clach-dhearg a chuir air mullach an t-slinnein aig an treud agam fhein gu léir. Ma chuir mi chlach-dhearg orra, tha so a feuchuinn gun do ghabh mi liubhairt annt. Ma ghabh mi liubhairt annt’, bha mi tuill’ is tric mu chùl an treud ann an làithibh m’ òige, gus a shaoilsinn gu’m bheil am fang ’na sheise math dhoibh. Uime sin, sann a bhios mi a’ sealltuinn a mach cò an rathad is fhearr, agus cò an rathad is saoire, air an urrainn domh am faighinn a dh’ionnsaidh an fheuraich a shònruich mi dhoibh; ach o’n tha muir a’s moìnteach romhainn, bi’dh e feumail dhuinn ullachadh air-son na sligh’ ’an toiseach. Gach fear a tha dol air an turas so, ma-tha, thoireadh e leis, ma ’surrainn e, na nithean a leanas:—Am pailteas de dh’aodach cuim a’s leapach—osain—boineidean leathan gorma, an sèorsa ris an can na Tuathaich sgrath, cha’n fhiù a bhoineid bhireach an t-aisig fhaotainn—eididh mhòr de dh’anart cotain, air-son leintean—eididh chùrainn, air-son pheiteinean bàna—eididh phlangaid’, air-son bhrigisean glùineach—eididh de [TD 18] chainb chaoil, air-son thriùsairean sàmhraidh. Bhiodh so na ghoireas cotharaicht’, oir ’s beag nach eil na nitheannan so dà phrìs ann an Canada. Mur an ceudna, toraichean—gimleidean—coibe no dha, de’n sèorsa is treasa—beagan de thairrnean iaruinn, a bhios aige ri làimh air an t-slighe, agus an déigh ruigheachd. Air-son trealaich de dh’uidheam saorsaineach, mar tha locair, gilbean a.m.s.s.* na biodh e ’ga toirt leis. Cha’n fhaigh am fear-ìmrich ùine gus a bhi ri ciotaireachd mar sin ’an Canada. Ged a thoisicheadh e rithe, bhriseadh e ’n uidheam aig meud na cabhaig a bhiodh air gus a faotainn tre làimh, agus bhiodh sin na chall mòr an déigh an luach-aisig a phàighidh. Is fhearr de neach fear-ceairde fhaotainn gu obair de’n gnè so; oir an sin gheibh e i air a deanamh ceart, gun e fhein a bhi ’call ùine rithe. Se so dòigh is saoire air a cheann mu-dheireadh ’an America. A thaobh phoitean agus uidheam chòcaireachd ma ’se ’m fear-imrich tha gus a bhi ’deasachadh a’ bhìdh fhein dol a null air a’ chuan, bi’dh e feumail dha roinn a thoirt leis; mar e, cha chomhairlichinn dha an ceannach’ a bhos: ach ma thachras dhoibh a bhi aige cheana, ’sco math dha an cumail air-son fheuma ’san duthaich ùir. Cha dean aghann-ròsdaidh, de’n t-seorsa ’th’ac ’sa Ghaelteachd, feum a chunna duine riamh thall. Tha na soithichean staoine ro dhaor ann, ’s cha * Rinn mi iomrall mu’n locar-sguidsidh; is fheudar do’n fhear-imrich easan bhi aige, a’ dheanamh nan samhach. [TD 19] neil an seòrsa tha iad a’ deanamh ann math cuideachd: mheasainn crionnta do dhuin’ an toirt leis. Cha chòir tuagh idir a thoirt a null, oir cha’n aithne do ghaibhnibh Albanach gin a dheanamh ’sam bi feum. ’S coir do’n fhear-imrich gach ni bhios e ’toirt leis a chàramh gu cearmanta ann an cisteachaibh cearnach, gun bhi ro mhòr, no ’am barailtibh, agus a bhi ro chùramach mu chuid ’an àm a bhi dol air bòrd luinge, gu sonruichte ma sann á baile mòr a sheòlas e; oir ’s àbhaist don phràbar tionaladh mu leithid sin de ghnothach, agus gach corp dhiubh a bhi air bhogadan gus rud sam bith air am faigh iad an crògan a thiolpadh leò. Tha caochlath sheòrsannan bìdh ro thaitneach, agus ro fheumail cuideachd, aig fairge; agus bu chòir do na h-uile neach a bheireadh an Tabh-a-siar fo cheann, a theann oidheirp thoirt air beagan de gach gnè lòin a ghabhadh cnuasachadh dha a thabhairt leis. Cha’n ann idir air-son geòcairean a dheanamh dhiubh tha mi a’ comhairleachadh so dhoibh. ’Sann a tha mi ’gan cuir nan earalas, o’n tha fios agam gu bheil e feumail air-son an slàinte, agus o’n tha barail agam gu bheil an laimhrig fuasach anagoireasach ri luchd-imrich a bhios air an astar sin. ’S còir do dhuine bhi furachair mu na goireasan so, an déigh a dhol air bòrd cuideachd; oir “cha’n ann am Bòid uile tha’n t-olc:” bi’dh caora charrach ’san treud, eadhoin an déigh ’dhol gu fairge, no ’s iongantach e. [TD 20] FARADH, &c Is ainmic dùthaich, no baile-puirt ann an dùthaich, aig nach eil faradh air leth, a réir an suidheachadh agus an goireasan fa-leth, a thaobh luchd-ìmrich. Faodar nàdar na cùise so, agus gu bheil i ceart, a thuigsinn o gach fèill eile. Cò am fear-ìmrich aig nach eil fios gun ceannaichear trì-bhliadhnach daimh, ann an Leòghas no ’an Uithist, punnd-Sasunnach ni’s saoire no ’cheannaichte e air sliabh na h-Eaglaise-Brice. Air an amhuil cheudna, cò am fear, aig am bheil an aisling is fhaoine de bharail mu chè-ghràbhadh nan dùchanna so, a mheasadh mar ioghna gun cuirear luchd-imrich a null á Lide agus á Abar-Reidhean, punnd-Sasunnach ni’s sasoire no chuirte null iad á Grianaig no á Glascho. Ach o’n ’se cladach siar na h-Alba is deiseile ris na Gaeil, feuchaidh mi dhoibh riaghailt choitchionnta faraidh nam bliadhnaichean so ’sa cheairne sin:— P.S. T. S. Muinntir air tighinn gu fearachas, 2 15 0 Muinntir fo chòig bliadhna deug, 1 7 6 Maothrain fo chòig bliadhna, 0 13 9 Ciocharain agus dìlleachdain òga, 0 0 0 Bithidh ceithir tasdain an ceann de’n t-suim so aig an sgiobair ri phaighidh, ’nuair ruigeas e cala thall, do thaigh-eiridinn an luchd-ìmrich. Tha so ’na riaghailt ro mhath; agus is iomadh Gael bochd do ’bheil i feumail, ged bhios cuid, le cion- [TD 21] smuaineachaidh, a’ gearan ’an àm bhi ’dealachadh ris an airgiod. Ma theid duine euslainteach air tìr ’an America ’an àite sam bith (oir tha taigh de’n t-seòrsa so ’s na h-uile baile-puirt), gabhar a staigh do na taighibh so e; agus ma bhios duin’ ann aig am bi teaghlach lag, agus e ’na éiginn cho mór a chion airgid is nach bi e comasach air a dhol air aghaidh dh’ionnsuidh an àite bha ’na bheachd, nithear fuasgladh air, an dàrna cuid le airgiod no le cosnadh ’sholaradh mach dha ’an sin fhéin. SANASAN MU IMRICH NAN GAEL. Tha a bhi ’g ìnnseadh naigheachd ’na rud aig am bheil buaidh anabarach neònach air an ìnntinn, gu sònruichte ma bhios neach ’ga h-ìnnseadh le uile chridhe; oir saoilidh fear a bhios ’ga h-aithris gum bi e a faicinn gach nì a tachairt, calg-dhìreach mar a bha, tha, no bhitheas e. So dìreach mar a tha mise ’n tràs; oir saoilidh mi gum bheil mi a’ faicinn mo luchd-ducha a’ suidheachadh an cùrsa o Cheann-Bharraidh, ’s a’ toirt farrsuinneachd na linne orr’, ann an deadh mhisnich. Na’n deanadh iad sin, bu mhath do ’na truaghain an latha. Ach ged a bhiodh e ’na aobhar-thaingealachd dhoibhsan, agus ’na aobhar-thoileachaidh dhomhsa, cha bu mhath leam, air a shon sin, e ’thachairt, mur biodh duin’-uasal no dhà leò, aig am biodh dreuchd a b-urramaiche no [TD 22] bhi ’nan “ceann-iùil.” Bu bheag mo shuim de’n treud mur lughaiginn aodhairean air, agus bu bheag a b-fhiach an treud gun aodhairean. Air an amhuil cheudna, bu bheag mo sgoinn de leas nan Gael mur lughaighinn luchd-faire, ministearan saorachail, soisgeulach orra, a mhìnicheadh dhoibh am facal a “tha comasach air an deanamh glic chum slàinte” ’n an cainnt mhàthaireil, an aon chàinnt a tha so-thuigsinn do na Gaeil; agus a dheanadh iad fhéin ion-ghradhach dhoibh, le meud an dìchill agus an treibhdhiris, ann a bhi ’gan earalachadh mu’n “aon ni nach còir a dhiochuimhneachadh;” agus osbàrr, a bhiodh “ann an ceannsachd a’ teagasg na droing’ a sheasadh nan aghaidh.” Agus cha bu mhinistearan amhàin a dheonaicheadh mo dhùrachd do na Gaeil. Tha dream-uasal àraidh eile bu mhiann leam a chur nan cois, se sin na maighstirean-scoile—daoin’-uaisle air nach do chuir na Gaeil riamh am meas no ’n t-urram bu chubhaidh dhoibh, agus air saothair nach do bhuilich iad riamh an aire no ’n ùine, air am b-airidh i. Airson an dearmaid so, cha neil leisgeil nan Gael ri ghabhail, Oir dh’ “fhaodadh iad fhaicinn gach là, Gur i thog o’n làr na Goill.” ’Si ’n sgoil leac-an-teinntein aig taigh an eòluis agus an fhiosrachaidh; agus an taigh aig nach fhaighear a chagailt air a sguabadh glan agus ann an deadh òrdugh, ciod idir a bhios dùil [TD 23] againn ri chòlachadh mu’n starisnich? ’S iad na maighstirean-sgoile tha gar crioslachadh ’s gar cuir air ghleus gu sinn fhéin a thoirt troi ’n t-saoghal mar is cubhaidh do dhaoinibh gaisgeil, agus do chriosduidhibh. ’S iad tha fàgail cuing nam ministeir, ann an tomhas mór, cho so-iomchair. Agus cha’n i chuing acasan amhàin a tha iad a’ fàgail ni’s so iomchair, oir tha iad a’ gabhail trian de dh’uallach pharantan orra féin. Mur b-iad na maighstirean-sgoile, cha bhiodh fhios againn càit am bheil America, no idir ciamar a ruigeadh-mid i; agus, a’ dheanamh sgéil ghoirid dh’i, mur a b-iadsan, bhiteadh-mid ro aineolach air ar dleasannas a thaobh Dhe agus dhaoine:— “Oir, ged a bhiodh Biobuill gu leòir, Aig big ’us aig móir an t-sluaigh; Mur b-aithne dhoibh ’n leughadh air chòir, Cha’n fhaigheadh iad eòlas uath.” Na’m biodh luchd-imrich nam beann, ma ta, cho sealbhach, no, mar bu chòir dhomh a ràdh, cho ciallach, is gun toireadh iad leò an dà chuid, am ministear agus am maighstir-sgoile, coluath riu, bhiodh iad a cuir comain’ orra fhéin agus air an t-sliochd a thigeadh nan dèigh. Cha neil mi idir a ciallachadh gu’m bu chòir doibh, no gu’m b-urrainn doibh, so a dheanamh leis an doigh falbhaidh a th’aca ’s na bliadhnaichibh so. Bhiodh é eucomasach do choig teaghlaichibh ás an sgìreachd so, do thrì ás an sgìreachd ud eile, agus mar sin sios, ministear agus maighstir-scoile [TD 24] ’thoirt leo; ach nam falbhadh iadsan mar bu chòir dhoibh—’se sin, gach duine a b-urrainn, air fad-fiaraidh sgìre, (oir cha bu chòir do dhuine bochd sam bith, tha air-son cosnaidh, fuireach, nam b-urrainn e falbh,) ’theanndadh a mach leis an aon ìnntinn—na h-aon soithichean fharadh (agus bhiodh an t-aisig mòran n’a bu shaoire mar sin, cuideachd)—gach goireas a bhiodh a dhìth orrra, mar tha tea, siùcar, &c., fhaotainn saor o chìs—agus, seach na h-uile nì, iad ’gan suidheachadh fhein thall ’san aon aite, oir ri oir, gun choimeasgadh dubh, no geal, no buidhe, (oir tha an t-iomlan diubh sin ’an Canada,) fhulang a staigh air an criochaibh, n’a b-fhaide no cuid na h-oìdhche thoirt dà—gheibheadh iad buannachd de’n luchd-teagaisg; agus, leis an doigh so a ghabhail, bhiodh iad comasach air an toirt leò cuideachd. ’Sann mar so chaidh Gleann-a-Garuith, ’an Canada Uachdrach, a shuidheachadh, ’nuair a dh’fhalbh an duin’-uasal ainmeil sin, an t-Easbuig Domhnullach, a chaochail an uiridh an Dùn-phris, air ceann nan Gael. Tha iad so an diugh ’an dòigh cho math ’sa dh’iarradh iad—am pailteas aca ri ith ’s ri òl de mhin ’s de bhainne, agus de gach nì eile ’tha fàs ’san àite. Cha neil na sgriobhairean Gallda ’toirt cliù mòr dhoibh mar thuathanaich. Cha mho is urrainn dhomsa moladh ’dheanamh orra ’san dòigh sin; ach so rud a their mi, gu’m bu toigh leam fear eile dh’ìnnseadh dhomh cò a chearn’ ’an America ’s am faigh fear-imrich gabhail ris cho aoidheil, [TD 25] agus cho suilbhir, ’sa gheibh e ’an Gleann-a-Garuith,—agus cò na daoine chuir barrachd de chomain air Breatann is a chuir muinntir an àite sin, ’nuair a bhris na ceannaircich a mach aguinn ’sa bhliadhna 1837. Ged bha ’n t-Easbuig ’na fhior seann-duine ’san àm so, sheas e air an ceann cheart cho duineil ’sa rinn e ’sa chogadh roimh. Bha e ghnà deas, gu’n comhairleach’ ’san t-sìth, ’s gu’n seòladh ’sa chath; agus ged a theirear tric nach robh aig orra ach “gleidheadh a chlamhain air na cearcan,” bha fhios aig na h-eòlaich gun robh math a luchd-dùcha ’n còmhnuidh ’na bheachd. Cha neil sinn idir ag àicheadh nach robh “imlich a choraig” aige de gach gnotach mór mu’n robh e; agus carson nach bitheadh? Saoil mur biodh sin aige-san, nach biodh e aig fear eile? ’Sann cruinn mar so, ’san aon àite, bha na Gaeil aig Pictou, ’an Nuadh Albainn,* cuideachd, far an robh “MacGriogair nan duan, nam buadh, ’s nam beannachd, Bha suairce, ceannalt’ am beus,” a’ fuireach. Be so Seumas MacGriogair a rinn na dàin ghrinne sin a th’againn ’sa Ghaeilic, agus a rinn iomadh searmoin cheart cho math ris na dàin, ’nan àite fhéin, ann am Pictou agus ’sa choimhearsnachd sin. Bha bhuil ann; bha na Gaeil gu siothail, suaimhneach ’an sin, gus na theann an aois gu h-an-iochdar, rèir cùrsa nàdair * Nova Scotia. [TD 26] ri easan fhàgail neo-sgiobalta air-son a ghnothaich. Agus, ’nuair a thriall e air slighe gach uil’ fheòla, sgaoil iad feadh na dùthcha gu leír. Chaidh cuid, ma-dh’aoite, do dh’àite n’a b-fhearr; ach dh’fhaodadh nach deanadh iad cho math ann, an déigh sin uile. Chunnaic mi, ’an àite ’san àite ’an America, far an deach daoine mach ann an còmhlan mar so, mar a tha sinn comhairleachadh do na Gaeil a dheanamh, agus cha b-aithne dhomh àit idir ann’s nach d’rinn iad àiteachadh foghainnteach ann an ùine ghearr, saor o’n imrich mhóir agus mhìcholtaich chuir Morear Selkirk dh’ionnsaidh na h-Abhna Deirge; agus do thaobh sin, cha ruigeadh leas suil a bhi ri atharach, oir, mar a thuirt an dreathann-donn ris an iolaire: “’nuair a chluinneas tu sgeul gun dreach, na creid i.” ’S aithne dhomh aon àite sònruichte ’an Canada Uachdrach a chaidh shuidheachadh mar so, se sin Waterloo. Is Dùidsich a tha ’an Waterloo, a chaidh do dh’America ás an Olaind o cheann mu thuaiream còig bliadhna fichead. Cha robh smid Bheurla nan ceann ’san àm sin, ’s cha mhór diubh aig a bheil i fathast; ach cha do chuir sin deireas orr’, oir bha ministeir leò nach robh cearbach: ’s cha’n fheumadh e a bhi; bu mhór a bha ’n earbsadh ris. Rinn am ministeir so an t-iùl dhoibh air an t-slighe—rinn e an t-eadar-theangachadh dhoibh anns gach bargan, gus an robh a h-uile corp dhiubh air a làraich, agus iomadh latha ’s bliadhna ’n déigh dha a bhi. Thagh agus chomharaich e [TD 27] mach am fearann a bha e saoilsinn bu fhreagaraich air an son—phòs e an òigridh—bhaist e an clann—agus shearmainich e an soisgeul doibh-san, agus de gach dùil a thigeadh ’na ghăr, le chaint ’us le chaithe beatha. Tha Waterloo an diugh na dùthaich a chuireadh eireachdas air rioghachd bhig, flùr agus feòil cho saor ’sa dh’iarrt’ ann, agus na h ùbhlan cho pailt ris a’ bhuntàta. O’n tha mi nis gus soraidh a ghabhail leis gach nì agus neach air an taobh so de’n Tabh, agus gus aon sìnteag a thoirt a null le m’ uil’ ìnntinn, a chuir ceart gach nì a dh’fhaodadh tuisle ’thoirt air an fhear-ìmrich ’an àm ruigheachd, ghuidhinn air na Gaeil, m’an dealaich sinn, iad a dh’fhalbh ’nam buidhnibh mar a sheòl mi dhoibh; oir, le so a dheanamh, cha bhiodh an òigridh ’an cunnart tuiteam anns na droch cuideachdaibh a tha tuilleadh is bitheant ri ’chòlachadh ’an America. Ged is gnothach mi-thaitneach agus cianail e, gidheadh cha bhithinn a’ coilionadh mo dhleasannais mur gabhainn an cothrom so gus am fear-imrich a chuir na earalas a thaobh a chaithe-beatha ’nuair a theid e staigh do’n duthaich ùir; oir tha America, thar a chéile, na dùthaich ann sam bheil an “t-aon ni feumail” air a leigeadh ás an t-sealladh gu h-uamhasach. Tha mionnan cho gairbhsneach sa chuala cluas ’nan cainnt chumant an cuid di; agus far am bi sin, bithidh a chuid eile de’n toradh ’ga rèir: ach am fear bhios ag iarraidh deadh chompanaich, gabhaidh duine còir gleadhadh dha, a thuig gu bheil “an diadhuidh- [TD 28] eachd buannachdail air-son nan uile nithe,” agus gur “còir ùrnuigh a dheanamh a ghnà agus gun fhannachadh.” Tha iomadh ministeir agus fear-teagaisg math thall cuideachd, ’an còrr aite. Tha iad ann á iomadh dùthaich, agus de dh’iomadh teangaidh; ach is lionmhoire no sin gu mòr an aidmheilean—Gaeil, Goill, Sasunnaich agus Eirionnaich, Dùidsich Gearmailtech, Americanaich, Afracanaich agus Innseanaich, agus mòran eile nach ceadaich cumhannachd chrioch mo leabhrain dhomh ainmeachadh. Cha b-iongantach leam ged theireadh am fear-imrich ’an so, “Is carson bheire-midne luchd-teagaisg a null, ma tha ’n leithid so thall?” Ach deanadh am fear-imrich air a shocair; faodaidh easan a bhi thall gus an liath e gun aon mhac màthar diubh so fhaicinn. QUEBEC, &c. Cha ruig leas sùil a bhi aig an fhear-imrich, a bheir “linne nam bàrc” air gus a dhol do dh’America rathad Qhuebec, gu’m bi e ’san dùthaich ’nuair a chì e ’m fearann idir, no gu’m bi an acarsaid aig làimh ’nuair a gheibh e ’staigh air beul na h-aibhne (St Lawrence) oir cha’n ann á amar-eilich a tha ’ga taomachadh fhéin. Cha’n ann, gun teagamh; agus tha e feumail araon do luchd-malairt, agus do luchd-imrich, gu’m fac’ am Freasdal iomchaidh gur ann le troma cheum socrach tha ise ’gabhail na slighe [TD 29] ’nuair tha i a’ tighinn a thilgeadh a’ braoin sa’ chuan; oir nam faigheadh i òrdugh an t-asdar a bha roimhpe chur na déigh ann an luathas nan eang, chuireadh toit a h-analach ceud mìle, air bheag sam bith, de’innis-fhalaich nan ròn air ghoil ’nuair ruigeadh i. ’S carson nach deanadh i so uile, agus tuille n’am b-fheudar e, ’nuair tha i fhéin beul ri ceud mìle air leud, m’an gabh i os-laimh a ràdh, “So mo cheann-uidhe-sa?” Bheir so beachd iomchaidh do’n fhear-imrich air farsuinneachd na dùcha tha comasach air an amar so ’chumail an còmhnuidh làn, agus gu sònruichte ’nuair dh’ìnnnseas mi dha, ged a bheireadh e ceud latha a’ coiseachd suas ri ’bruaich, aig fichead mìle ’san latha (agus bhiobh sin ni’s leòir feadh choilltean, àllt, &c.), nach eil fhios agam nach b-usadh leis a ghnùis a chuir ris na dh’fhàgadh e ’na dhéigh no ris ’na bhiodh roimh dh’i. ’Nuair a ruigeas am fear-ìmrich bàgh na St. Lawrence, tha e a’ fàgail Cape Breton ’na dhéigh air a làimh chlì, agus Newfoundland air a làimh dheis. Tha Quebec seòladh shea làtha, no theagamh seòladh shea seachdainean, mar bi an soirbheas cothromach, os-ceann so; agus chì an Gael nitheannan glè choltach, agus nitheannan glè mhì-choltach, ris na dh’fhagas e bhos, mu’n ruig e sin. Chì e beanntan a’ togail an cinn, mar gu’m biodh iad a’ feuchuinn ri bhi n’a b-àirde sealladh no croinn na frìthe. Tha iad so ro choltach ri beanntaibh na h-Alba, fad uatha. Ach ’nuair a dhlùthaicheas am fear-ìmrich, chì e gun tug [TD 30] croinn agus geuga na doire buaidh orr’, oir tha ’choille ’mach r’am mullach cho fad ’sa leigeas am ploc talmhainn is àirde i. ’Nuair a dh’fhàgas e Eilein Anticost, ástar latha no dhà na dhéigh, còlaichidh ceann-iùil coimheach e, ni a stiùireadh sàbhailte staigh do Qhuebec. Caomhnaidh sin mo chomhairle-sa ’n tràs; iomesin, bheir mi gu tìr orm, a sholaradh chairtealan a bhios aige ’nuair a ruigeas e. ’Nuair a ruigeas luchd-imrich an cala miannaichte, ’s àbhaist do chinn-theaghlaichean agus do ghillean òga bhi ro ullamh air a dhol air tìr, agus an cuid ’san cuideachd fhàgail air bòrd an t-soithich—cleachda nach eil idir ceart. Gidheadh, tha fios agam gu’m bi na Gaeil nach eil cleachdta ri bhi aig fairge ullamh air tuiteam ’sa mhearachd so; agus o’n a tha, theirinn, ’nuair a theid neach air tìr, gun e ’dhol ann mar neach a bhiodh ri falaghà, ach mar neach a bhiodh air ceann gnothaich—gach taigh air nach fhaicear coslas glan, eireachdail air an taobh a mach, eadar bhallaichean, uinneagan, agus chòmhlaichean, a sheachnadh; agus ged a bhitheadh aogas taighe leth-ghlan, ma chithear fear na dhà de dhaoine misgeach a’ tuisleachadh mu’n stairsnich, agus muinntir mhi-chonnar ’nan seasamh ’an dorsaibh nan seòmar, dà-thaobh an roimh-ionaid a’ gàireacaich riu, is còir a shèunadh. Na gabhadh neach air gu bheil e air ùr-a-thigh’n thar fairge, air neo gabhar brăth air. Cha neil feum sam bith do neach a dhol ’ga fhaosaid fhéin ri coig- [TD 31] reach ’an Quebec. Fiosraicheadh neach, ann am beagan de thaighean còire-coltach, càit’ an saoire ’gheibh e cairtealan da fhein agus d’a theaghlach car òidhche no dhà; agus ’nuair a riaraicheas e ìnntinn fhéin air a phuinc so, pilleadh e dh’ionnsaidh an t-soithich. Thoireadh e gach ni bhios aige gu tìr, agus biodh e ro fhaicilleach, oir tha muinntir ’an so d’an ceaird-chosnaidh bhi ’spùineadh nan coigreach. Mar so, faodaidh neach crionnta buil mhath a dheanamh de’n ùine ’sam bheil iomadh fear a’ call n’as fhiach e’n t-saoghal, mar a chunnaic mis’ a’ tachairt ’an so roimh. Cha chòir do neach a bhios air tì ’dhol suas an dùthaich bheag de dhàil a dheanamh ’an Quebec; gidheadh cha mhisd e latha na dhà a dheanamh a chăs, an déigh a bhi còig, no ma’ dh’aoite seachd seachdainean, air a mhuir. Cha neil am biadh daor ann, agus tha iomadh ni is airidh air a dhol ’ga fhaicinn tiomchioll Qhuebec. Chì am fear-imrich mòran nitheannan a bhios annasach dha an sin. Tha na taighean air an tubhadh le staoin, ann an aìt na sgleut a th’orr’ an so; agus ged nach eil a cheud chuid a thachras ris de’n bhaile anabarach tlachdmhor, ’nuair a dhìreas e mach ri’ bhraighe, gheibh e sealladh ciatach de’n abhainn agus de’n dùthaich mu’n cuairt. Chi e St Rooks ri taobh a’ bhàigh m’a thuath air, agus Liverpool Ùr dìreach fa-chomhair, taobh eile na h-àibhne. ’Nuair a bhios a ghrian a’ boisgeadh air aitreabh nam bailtean so, bi’dh dearrsadh anabarach àillidh as an staoin a th’air a mullach, gu sonruicht’ an [TD 32] déigh mheadhon-latha, ’nuair a chromas a ghrian ’san iar. Ma ’dhìreas e gu Còmhnardan Abrahaim, os-ceann a’ bhaile, cha ’nè sealladh is tàire. Tha mòran de luchd-siubhail ag ràdh, gur e so àit is boiche ’chunnaic iad riamh; agus cha neil mi ’n dùil gun abair neach sam bith a chìth e, gun tug aon duine tuille ’sa chòir de cliù dha air an dòigh sin. Air mo shon-sa dheth, mur bè gun robh eachdraidh beatha a bhàird agam, cha chreidinn nach ann air Còmhnardan Abrahaim a bha e ’nuair a sheinn e— “Gach sràid is àillidh grìneachan, Mar phalace rìgh r’an cuartachadh;” agus cha chreid mi fhathast nach ann a’ bruadaradh air féin, no air àiteiginn eile ro choltach ris, a bha e ’nuair a phonc e na facail sin. Cotharaichear a mach an so do’n fhear-ìmrich far an do thuit, agus far an do thiolaiceadh, an cath-mhìleadh ainmeil agus urramach, Wolfe; maille ri iomadh àit eile anns na thachair nitheannan mòra agus iongantach, ann an streup nan sàr, air an làtha sin. Gheibhear deadh shealladh de’n Dùn an so cuideachd—an t-aon daighneach, tha mi ’n dùil, is treasa th’aig Breatann, ged is iomadh àit anns sa’ bheil cnòda fearainn aic’, ach Gibralter a mhàin a sheachnadh. Ach cha’n ann le ìnnleachd dhaoine rinneadh cho làidir e; bha e gu nàdarrail fregarach air-son an fheuma so. Cha’n urrainn dómh a’ ràdh cia-meud an àird a th’ann; ach tha e uile choltach leam gu’ bheil [TD 33] bearradh a chnoic air am bheil e air a thogail, a thrì àird ris a chreig air am bheil Caisteal Dhùn-eideinn air a thogail. Tha an cnoc so cho fagus do’n abhainn, is nach eil rùm ach aig aon streath de thaighean, agus aig ceum aimhleathan rathaid ri bhonn, air an dàrna taobh; agus tha a chreag a tha ’na aghaidh cho corrach, is nach gabh dìreadh rithe ach le fàradh. Mar so, tha e soirbh ri thuigsinn nach eil an daighneach so furasd a’ thoirt a mach bhàrr tìre; agus bharr an uisge bhiodh e eu-comasach, oir shaolainn, ged nach biodh gu h-àrd ach sgioba bhalach, le càrn chlach a bhi goireasach riu, gun cuireadh iad an càbhlach bu treasa a sheol riamh air aghaidh cuain do’n aigeal. Cha neil an abhainn ro leathan an so, is cha mhò tha i ’ruith ro bhras. Is bàtaichean-toite tha ’g aisig tarsuinn eadar Quebec agus Liverpool Ur; ach tha bàtaichean eile de gach seorsa lionmhor n’is leòir, ris gach gnè chosnaidh a gheibh iad mu thimchioll a bhaile; agus bi’dh na ceudan de shoithichean Breatannach ann fad an t-sàmhraidh ’san fhoghair, ag iarraidh fiodha, &c. Tha iasg ro phailt air an abhainn so gu leir; agus tha sin anbarach goireasach do luchd-àiteachaidh Chanada Iochdrach, oir cha mhòr diubhsan a dh’itheas feòil car ùine àraidh ’as t-earrach—se sin, o òidhch’ Inide gu latha Caisge. Mar so, ged tha’n t-iasg pailt, tha e glè mhiaghail ac; ach, air an làimh eile, tha so ’fàgail na feola ni’s saoire. [TD 34] INNSEANNAICH, &c. ’Nuair a dh’fhàgas buachaille Gaeleach, air feadh nam beann, àite mu’n Bhealltuinn, ’s a ghabhas e muinntearas aig màighstir ùr; cho luath ’sa ruigeas é, ’sa chì e aogas an àite, ’se cheud rud air am beachdaich e, co ris a bhios an treud coltach—an fhearr an spréidh so na’n spréidh a dh’fhàg e na dhéidh—ciod an dòigh ionaltraidh a th’ac—am bi iad an cùnnart brìseadh ’mach air a chrìch so—staigh air an tè ud eile—agus mar sin sios. Nach nàdarrail ri ’smuaineachadh gu’m bi am fear-ìmrich de’n cheart ìnntinn so a thaobh a cho-chreutairean ’nuair a ruigeas e an dùthaich ùr, far am faic e seòrsa dhiubh a tha gun teagamh, de dh’atharrachadh iarmaid ris an dh’fhàgas e’n tìr a chluarain; oir chì e so uile anns ’na h-Innseanaich. Ach ged tha na h-Innseanaich de chaochladh datha ris na Gaeil, cha’n ann aona-chuid dubh no buidhe tha iad, mar a tha cuid a’ cumail a mach. Cha nè dath a chopair a th’orra cuideachd, ’s cha mhò is urrain domh nì sam bith ainmeachadh de na chunnaic mi riamh a tha dìreach air an dath ac; ach tha mi’n dùil gur urrain domh ìnnseadh ciamar ’rachadh rud a dheanamh a bhiodh air an dath ac, air a shon sin. ’Nuair a bhios té de mo bhana-chàirdean ’sa Ghaelteachd a’ dathadh chlotha, beireadh i air lùbaig de shnàth geal; thoireadh i tumadh dh’i ’san tuba-chrotail; faisg- [TD 35] eadh i i gu tean, greimeil, ’nuair a thogas i i; thoireadh i ’n sin dà thumadh eile dh’i ’sa phoit-ghuirmein, ’ga fàsgadh gu gasda gach uair a thogas i i; agus cha mhòr nach cuirinn mo chuid de ’na chlò air a gheall nach eil dealbhadair am baile mòr Rìgh na Frainge ni rud n’is coltaiche ris an dreach ac. Ach ged a ghabhadh Gael gu h-olc a dhreach a shamhlachadh ri dreach Innseanaich, cha b-aobhar oilbheuma dha a dhealbh a shàmhlachadh ri dhealbh; oir ’sann iome-san a dh’fhaod-te, da rìreadh, a ràdh, gu’m bè Fear “a chuirp is glain’ cumadh, Gun uireasbhuith dealbha.” The gruag an Innseanaich ni’s duibhe (ma dh’fhaodas sin a bhith) no “fitheach choire nan creag,” gach fuiltein dhith co garbh ri ròineig de ghaosaid chleidich an eich ghlais—a shùil mheallach, dhù-ghorm, bu leòr a chuir eireachdeas air gnùis mhic rìgh, dìreach mar dhearcaig na talmhainn, a thaobh neòil. Tha a shlinneinean leathan, a chliabh farsuinn, ’sa chneas cruinn, agus e gun chion cumaidh os-ceann nan glùinean; ach tha car a mach ’s na calpannaibh aig na h-uile mac agus nighean màthar dhiubh; agus tuigidh an leughadair ciod è tha cuir sin annta mus an dealaich sin. Coisichidh na firionnaich dhiubh so gu deas, fonn’or, le dromanna cho dìreach ri slait de’n iubhar; ach tha falbh trom, udalach, aig na boirionnaich, mar a th’aig na mnathan [TD 36] Gaeleach is àbhaist ’bhi ’giulan a chléibh. ’Se n eallach tha ’g ionnsachadh an fhalbhaidh so do na ban-Innseanaich cuideachd, oir cha ghiulan na daoine tomad a ghille-mhirein leò de ghoireasan an teaghlaich. ’Nuair a thogar an imrich (rud nach eil idir duillich a dheanamh), bheir gach fear leis a ghunna ’sa ghaothar, a luaidh a’s fhùdar, a bhogha ’sa dhòrlach; agus ri nì no neach, ach sin a mhàin, cha bhi cuid no gnothach aig’. Buinidh an t-saorsa so do dh’òganach an dà bhliadhna dheuig cho math is d’on athair, ma ’sé is gun drinn e aithnicht’ a thapadh riamh ann an sealg fhiadh, bhiast, no ann an iasgach; ach gheibh na mnathan agus na maighdeannan a chead a chlanna bheag a thoirt leò, a chumail cuideachd riu ’san t-slighe, maille ris gach seud saoghalt’ eile bhios ’san fhàrdoich, eadar thubhadh, shoithichean, aodach, bhiadh, agus bhéin. ’Nuar a ruigeas iad an ceann-uidhe, no ’nuair a dh’èignicheas an òidhch’ iad gu tàmh a ghabhail, bheirear làmh air an tomahawk* (an tuagh-bheag), gearrar sios ma thuaiream dà dhusan cabar, ceanglar an ceann a caol ac uile ceart cuideachd, agus togar an sin suas am bàrr co dìreach is a ghabhas. ’Nuair a gheibh iad mar so air am bonn iad, tàirnidh fear sgriob chruinn ma’n cuairt orr’, mar le gobhal-roinn. Beiridh, an sin, na h-uile fear agus bean air an làraich air * ’Se làmhag a their mòran de mhuinntir “nan gleann” ris a bhall-acainn so, ach shaolainn gur i Gaelic nan Innseanach is fhearr. [TD 37] bun cabair ’nan laimh, agus togaidh a h-uile neach bun a chabair fhein a mach gus an ruig e an sgriob. Stailcidh iad an sin ’san sgriob bun nan cabar, agus bheir iad làmh air an tubhadh. Cha bhi an tubhadh duilich a làimhseachadh dhoibh; oir is tric leis a bhi ’na eididhibh mòra, theagamh deich slata fichead air fad, air fhighidh de fheur gréidhte, de chairt, &c., rud-éiginn cosmhuil ri plàt-fhasgnaidh. Se doìgh a th’ac air a chur—Gabhaidh neach an dàrna ceann dheth, agus cuiridh e dealg ann mu chabar; falbhaidh neach eile leis a’ cheann eile dheth ceithir-thimchioll air na cabair, ’ga shior chumail n’is àirde; bi’dh càch a’ fuaigheal an iomail is ìsle de’n chùrsa mu dheire’ air uachdar an iomail is àirde de’n cheud chùrsa le dealgaibh, agus mar sin aìr aghart gus an ruig iad am mullach. Nuair a ruigeas iad am mullach fàgaidh iad toll beag gun chòdachadh ann air-son àrlais, agus fàgaidh iad bealach eile fosgailt’ eadar dithis de na cabair air-son doruis, agus air a mhodh si bithidh am bùth na làn uidheam ann an ùin’ is giorra no leth-uair an uaireadeir. Cha neil na h-Innseanaich fuasach cùramach mu ciod é a chuireas iad mu’n cinn no mu’n cùim, ach ’s toil leò ’n aire ’thoirt gu ro mhath air an casan. Se curachd a’s còta-mòr de phlaide bhàin shasunnaich tha cleachdadh bhi orra sa’ gheamhradh ’an Canada, crios dearg ceangailte mu’n cneas agus osain dhearg, sgàrlait, aig am bi an dà cheann fosgailte, mar iad sin a tha tric aig [TD 38] baintighearnan òg, an Albuinn, orra eadar an calpa agus bun na sléisde, agus cuarain ghasda mu’m buinn, air an deanamh de, agus air a fuaigheal le, leabhar féidh. Se mocassin (mu chasan) a their iad fhéin riu so, agus gu dearbh cha neil dùil agam gur urrainn do dhuine caisbheart eile chuir mu chasan leth cho blà agus cho socrach riu: a dheanamh na sgeòil goirid, cha dean am fear-imrich gnothach ceart ás an dì sa’ gheamhradh ’an America. Tha na h-Innseanaich ’nan sluagh a tha ro theòma air fiadhach agus air iasgach, agus gu cìnnteach is beag an t-ioghna sin, ’nuair nach eil a chuid is mò dhiubh a’ deanamh nì sam bith eile o ’m breath gu’m bàs. Aithnichidh iad an t-àite de’n choille bhios na féidh a’ taoghal, agus ’nuair a thachras iad ri àite de’n t-seòrsa sin, ballaichidh iad air craoibh chòsaich, claghaichidh iad toll innt’ air am faigh fear-amais math a staigh, còdaichidh càch an toll ach amhàin na bhios mu choinneamh nan sùl aig, an sin le cairt a bhios cho coltach ris a chuid eile de’n chraoibh, is nach aithnich fiadh no feòcalan gun deach tomahawk riamh oirre. Nuair a bhios na h-uile gnothach ceart falbhaidh càch agus fàgaidh iad easan ’sa chraoibh, agus ’nuair a thig na féidh bi’dh ùdlaiche aige leis a cheud dairirich. Cha deanadh an dòigh so feum math ’s mar a tha aig crachuinn beinne; ach cha tog am fiadh fhein gaoth ann an coille America. ’Sann sa’ gheamhradh is mò ’tha iad ag ias- [TD 39] gachadh agus ’sann mar so tha iad ris gu cumanta. Gabhaidh e an tomahawk agus gearraidh e toll cruinn ’san deighe m’a thuaiream fichead oirlich air leud; cuiridh e slat no dhà a bhios aig air an lùbadh agus air an ceangal leth-char coltách ri cabair cléibh air uachdar; càiridh e dos de bharraich mheang nan craobh air an déighe aig bile an tuill, agus beagan bhian air uachdar sin. Leigidh se e fein air a bheul fodha air na béin; taìrnidh e cearb de’n aodach uachdair thairis air na slataibh, agus an sin ’nuair a sheallas e staigh fuidhe chì e deich aitheamh fhichead sios ’san uisge cho soilleir ri solus mheadhon latha. Ach math is mar a tha fradharc a shùl cha mheall sin an t-iasg thuige, ’s fheudar dha ìnnleachd eile a ghnàthachadh, agus is ann aige-san a tha ’n innleachd. Dealbh sgadain beag air a dheanamh de fhiodh, le chuid lann, itean a’s ghiùran; mìr luaidh’ air a chàramh ’na bhroinn g’a chumail còmhnard, agus driomlach ceangailte ri dhruim g’a chumail corrach. Bi’dh gréim aige fhein air an driomlaich ’n na làimh chlì, agus na h-uile gluasad’ ni e oirre, gluasidh an dealbh gu h-iosal, agus cha neil duine beò nach fhaiceadh ’dol sios na fhiodh e, nach saoileadh gu’m biodh beatha ann cho cinnteach ri iasg ’san fhairge. Nuair thàrlas do’n iasg mhòr tighinn mu’n cuairt agus an sgadan fiodha aig an Innseanach fhaicinn, saoilidh e, mar a ni sinn fhein tuille ’s tric, “gur e ’m fear is luaithe làmh is fhearr cuid,” agus bheir e ’ga ionnsuidh; ach mar bheir sann [TD 40] thuige-san a bhios a mhì-shealbh. Fonn-chrìth air an Innseanach a feitheamh air, Is “morghadh cumhann geur, Le chrann iubhair fein, — Ann na dhornaibh aig.” Faodaidh e bith gu’m marbh e dà fhichead ’an leth-uair na h-uaireach, agus faodaidh e bith gur ann a bhios e ’na shìneadh fad an latha fhaoiltich, gun uiread cudaige fhaighinn. Ach so aon rud air am bheil sàr fhios agam; nach eil duine sam bith eile b-urrainn, fanachd co fada ’g’a fheitheamh, no mharbhadh co tapaidh nuair a thigeadh e. Ach a dh’ aindeoin gach gnothaich ’sa’ bheil na h-Innseanaich teòma, tha ’n t-urram uile aca’ dh’ àrachadh an cloinne. Co luath ’sa bhios naoidhein latha no dhà dh’ aois, suainidh iad e gu dòigheil ann an cirb de dh’ aodach cùrainn, tàirnidh iad fileag de’n chirb eadar an dà chois aige air eagal gu’m bi ’shliasaidean ’sa chalpannan (’se so tha ’gam fàgail bràid-chasach) ro bhruicheil ri chéile, càiridh iad an sin e air criomaig bhig dhéile, tha air a gearradh a mach ac fo-chomhair an fheuma sin, cuiridh iad nasg fhiodha mu mhuineal agus té eile mu iochdar a chùim air an daighneachadh ris an déile, agus an sin cuiridh iad iall mhath làidir, righinn, tre tholl ann an ceann na déile agus crochaich iad suas gu sgiobalt i leis na bhios oirre ri alachaig air cabar. Tha so na dòigh anabarach shocrach air cloinn seach a bhi ’gan luasgadh ann ann creathail ag [TD 41] ionnsuch’ dhoibh bhi ’gal fada an latha ’sna h-òi’che, mur bi neach-eiginn ’gan crathadh mar cheaird-chosnaidh. Cha neil na h-Innseanaich a’ deanamh droch cleachdaidh dhoibh ’an toiseach, agus o nach eil cha bhi inndrainn ac’ air. Cha chluinnear smid ás an ceann o mhoch gu dubh. Bithidh iad an sud gu gibeach, gun uiread faillein cluaise dhiubh, Ach srònan laghach crom, A’s òrdagan beag lom, ri fhaìcinn amach ás an aodach. Tha sàr chothrom aca, gu h-àrd mar so, air a bhi sealltuinn ris gach nì a bhios a’ dol air aghaidh feadh an taighe, ’chumail am mulaid dhuibh, agus ma sann ri craoibh a’ mach a chrochar iad, cha chion cuideachd dhoibh, ged nach bitheadh ach an dreathan-donn ’sam brùdhearg. Ged nach eil an dòigh so, no dòigh cho math rithe, aig na Gaeil an diugh air altrum cloinne, cha neil fhios agam nach robh í roi’ so ac; mur bitheadh, carson a bhiodh é air a ràdh:— * “Cheangail i ’n leanabh air sgéith, Air bàrr geíge sheargta dlù dhi”? ’Se Papoos (patha-bus) a their iad ri leanabh, agus gu cìnnteach is freagarach an t-ainm e, oir cha neil mi ’n dùil gu bheil e cho nàdarrail do bhus sam bith eile, patha ’bhi air an còmhnuidh, ’sa tha e do bhus leinibh. * See Smith’s “Sean Dana,” page 175. [TD 42] Ged a sheasas an t-Innseanach àite fir ’san àrfhaich, cha neil e cho math mar shaighdeir ri uchd teine ’sa tha e ’san ruaig a thoirt a mach na tòrachd. Rinn iad so aithnichte, air mhodh cotharaichte, ’n latha ’thugadh am blàr aig Queenston ’an CANADA UACHDRACH. Bha iadsan a’ còmhnadh nam Breatannach an latha sin, agus coluath ’sa fhuair iad an ruaig air na Yankaich shìn iad orra cho caìthriseach is gu’n do chairt iad a h-uile aineil dhiubh, a bha romhpa fhéin, thar bearradh creige mhòir a tha ’san àite sin. Cha d’ fhodhainn sinn leò, ach ’nuair a sheall cuid diubh sios, ’sa chunnaic iad roinn de na Yankaich air greimeachadh ri preasaibh beaga, ’bha fàs thall ’sa bhos feadh aghaidh na creige, thog iad a chath-ghairm agus leum iad sios; sgriob gach fear leis Yankach ’san dol seachad, mar gun toireadh seobhag leis coileach-fraoich á sgor ’an taobh glinne, gun umhail sam bith aca gun robh am bàs fhein cho cìnnteach ri bàs nan Yankach aig bonn na creige: Mar so, an nàmhad a bheir cùl a chinn dhoibh, cha ruig leas dùil a bhi aige gu’n sàbhail muir no monadh e. Cha neil rìgh no uachdaran am measg nan Innseanach, ach cinn-fheadhna, dìreach mar a bha na cinn-chinnidh ’aon uair am measg nan Gael. Bi’dh iad cho bìdh ris an luchaig an làthair a chinn-fheadha so, agus b-olc an airidh mur bitheadh, oir bi’dh easan cheart co cùramach mu dhìllsean ’sa bhiodh athair mu aon duine cloinne. ’Stric a thaisbein iad an cùram so, eadhoin ri [TD 43] uchd bàis, mar a thachair ann an cor fir dhiubh a bha le còmhlan de dhìllsean a’ cuideachadh nam Breatannach, ma’s math mo chuimhne, aig BROCKVILLE. Chunnaic Tecumsheh (deadh-chuimse) gun robh a choslas air an Yankaich buadhachadh, agus, air an aobhar sìn, bhruidhinn e ri ceannard an airm-bhreatannaich. “Tha mi a’ faicinn,” ars easan, “mar téid sinn ’nar n-earalas gu’m faigh iad miann an cridhe oirnn, ni an sgiath ud thall a bhochduinn buileach mur cuirear grabadh oirr; ach leig thusa dhomhsa ’tarruinn air ais beagan le trì cheud de mo dhaoine agus gabhaidh mi lom gach ath-ghoirid tre ’n choille; cha bhì mi fad air an rathad, agus theid mi ’n urras, ’nuair a ruigeas mi gu’m faigh an dromannan an tachas a chuir ast.” “Cha neil mi ’tuigsinn ciamar ’dheanadh tu sin cho math ’sa tha thu ’n dùil” thuirt an Sasannach. “Coma leat-sa, leig thus’ an gnothach ’an earbsa’ rium, agus chì thu ciod a thachras.” “Ta, ’s mise ’m fear nach dean sin,” thuirt an Gall. “Mur dean lean do dhroch comhairle fhein, agus chì càch mar a bhios deireadh an latha, ach cha ’n fhaic mise e! tha beagan uair fhathast agam ri chaithidh, agus tha mi ’cuir romham nach dean mi droch bhuil diubh! cha ’n fhaic thusa no fear eile an ruaig air Tecumsheh.”! Le so a ràdh thug e chùl da, las confhadh a chéibh, thog e iolach le sgairteachd bhuaireasaich a chuireadh crith agus déistinn air “caogad mìlidh” agus mar bheìthir theinntich, bhuail e staigh am buillsgean a [TD 44] nàmh, a’ deanamh deadh-chuimse, gun ag, air gach taobh dheth; oir bha e. “Gan spadadh marbh a’s ’gan liodairt, A’s ’gam fàgail ’san ionad gun deò,” gus na lom-sguab e a chearna de’n àrfhaich air an robh e. Ach, mo chreach! “se lionmhoireachd nan làmh a ni ’n obair,” ged nach deanadh fear eile beud do, agus ged nach robh dol a’s aig fear eile bho, dheadh-chuimse féin, ann an comhrag-deise; gidheadh, aig cho lionmhor ’sa bha nàimhdean mu’n cuairt da ’sa chath neo-chothromach so, fhuair iad fàth air leònadh o chùl; bha e ’call fhala gu bras agus sior fhannachadh, ionnas gu’m b-fheudar dha tàirsinn air dheireadh agus aomadh ri maladh cnuic am measg nan closach beubanaicht a bha ’nan suain ’san raon. Cha b-fhada bha a làthaireachd gun ionndrainn le dhìslibh; phill fear no dhà g’u h-ealamh a dh’ fhaicinn ciod è mar bhà. ’Nuair a thàinig iad dlù’ na fhochair, leig gach fear a chudthrom air ceann a shleagha a’ dùr amharcadh air, ’sna deòir, mar chùirneanan de dhealt a chéitein, a’ cuir char dhiubh air leth-taobh an gruaidh. Mhothaich iad togradh bhi aige ni-éiginn a labhairt. Ghrad leum fear agus thog e a cheann gu fòil, o’n làr. “Tha sinn, tha sinn, a’ dealachadh fhearaibh,” ars’ easan “taghaibhse ceann-feadhna!” Thà sinn a’ dealachadh, tha mo thruaigh!” ars’ iadsan, “ach cha neil taghadh ri ’dheanamh air Ceann-feadhna, ’sgun agad ach an t-aon mhac, is gur e [TD 45] t-aon duine cloinne e.” “Bha sibh ’nur sluagh dìleas domh riamh, agus na cuiribh suarach m’ athchuinge dheireannach, guidheam oirbh!” ars’ easan, “Guidheam oirbh! na biodh cuid no gnothach agaibh ris, ach taghaibh fear eile!” “Cha chuir sinn suarach t-ath-chuingich, bu mhòr a ghabha-maid! ach nach leig thu leinn a thuigsinn carson nach gabhamaid do mhac!” “Tha e co coltach ri *Saganash ’na chruth, is gu bheil eagal orm gu’m bi e co coltach riu ’na inntinn is nach fhìu e sluagh earbsadh ris!” Ma ’n gann a bha ’m facal ás a bheul, dh’ iath suain a bhàis mu ’rosgaibh, bhuail na Breatannaich ratreut, thàir gach fear ás, agus dh’ fhan Tecumsheh ’san àrfhaich; ach, mar a thuirt e fein, cha’n fhac easan sin. Sin d’an fhearìmrich, a ghnè shluaigh a th’ ann de na h-Innseanaich, daoine ceannsalach foghainteach, ach daoine n’is lugha miathlachd do mhuinntir eile, cha neil dùil agam ri fhaicinn. Tha cainnt shocrach, bhogar, ghrinn ac, dìreach meangan de ’n Ghaelig, agus nam biodh an dream a sgriobh i ’n toiseach làn eolach air a Ghaelic, bhiodh an dà chainnt anbarach coltach ri chéile. Ach no ’n cuirte fear na dhà de shearmainichean-siubhail á Sasann, amach air feadh nam beann a dh’ fhoghlum na Gaelic, agus co-luath ’sa dheanadh iad droch sheòrsa foghluim oirre, ùghdarras thoirt doibh a sgriobhadh ’sa cuir ’an clò, bhiodh i cheart cho doirbh ri thuig- * Sasunnach. [TD 46] sinn, agus mòran n’a bu doirbhe ri leughadh, dhomhsa, no tha ’chainnt Innseanach. Ach ged a mhilleadh an cainnt leis na Goill cha do mhilleadh an eòlas leò, oir bha iad ’nam meaddon air moran diubh a thoirt o dhorchadas gu solus, ionnas gun do thilg iad dhiubh an seann duine maille ri ghniomharaibh ann an dà sheadh, tha dòchas agam. Rinn iad so o’n taobh a mach co-dhìu, oir tha mòran diubh a nis air leagadh seachad na seilge agus gach seana chleachdaidh gun tairbh a bh’ aca, agus air tòiseachadh ri dachaidh bunaiteach a dheanamh ’san aon àit. Cha neil iad so ’deanamh àiteachaidh mòr ’am beagan bhliadhnaichean, mar tha iomadh seòrsa eile ’n America, ach bìthidh aca de bhàrr na chumas biadh riu fhein ’sri ’n teaghlaichean. Tha am ministear ’s am maighstir Scoile ’n comhnuidh suidhichte ’nam meadhon, los gum bi iad goireasach ris gach teaghlach fa-leth. Tha mòran de choslas na diadhaichd air na h-uiread diubh, agus bu mhiann leam a chreidsinn nach coslas gun chumhachd e, ged a bha iad o cheann ghoirid ’nan coimhìch do cho-fhlaitheachd Israel, agus ’nan coigrich do cho-cheanglaibh a gheallaidh, ás eugmhais dòchais, agus gun Dia ann san t-saoghal. MONTREAL, &c. Tha MONTREAL mu thuaiream ceud gu leth mìle os-ceann QHUEBEC, ach cha ’n fhada ’bhith- [TD 47] ear ’ga ruigheachd air-son sin uile, oir tha bàtaichean-toite ri fhaotainn ’an sin h-uile latha, air chor is nach ruig am fear-ìmrich leas a bhi ial ri port aon uair is gu’m bi e deas air-son a thuruis. Cha’n àbhaist doibh so bhi thar ceithir uaire-fichead a’ dol suas, agus ’se dolar gu-leth am fàradh is tric leò ’bhi togail. Bithidh iad a’ stad iomadh uair a ghabhail a staigh connaidh, aig baile beag a tha air taobh na laimhe deis de ’n abhainn, ris an canar THREE RIVERS, agus aig baile eile os-ceann sin greis, air taobh na laimhe clì, mar a theid neach suas, do’n ainm SOREL. Tha na h-uile nì ’chì am fear ìmrich air an astar so anbarach coltach ri ’chéile, gach fearann, gàradh agus taigh, cladh agus taigh-aoraidh, air an leagadh a mach air an aon dòigh. Tha turaidean fuasach àrd ac air an togail air na teampaill, agus tha iad so, mar an aitreamh eile, tubhta le iarunn geal, air achd is ’nuair a dhealras a ghrian orr’ aig cho àrd is a tha iad fhein agus bruachan na h-aibhne air a’ bheil iad air an togail, gu’n saoil am fear imrich gur an a bhios na rionnagan air éiridh air, iomadh uair, mu thrì uairean a dh’fheasgar. ’Nuair a ruigeas neach ceann-shuas Lake St Pierre bithidh eileanan n’is leòr ’ga chòlachadh tuille gus am bi e am MONTREAL, agus an déigh dha fhàgail. Tha MONTREAL, air a’ thogail air eilean ann an àite ro fhasgathach, tiorail; oir tha monadh cruinn air a’ chùl ’ga dhionadh o’n ghaoith tuath agus a’ pilleadh teas na greine staigh ris. ’Se tha ’deanamh [TD 48] an eilein so agus fir eile tha làimh ris, gu ’bheil an abhainn a’ dol ’na tri meòir far am bheil an tè eile, do’n ainm an OTTOWA (àth-a-tùath) ’coinneachadh rithe, beagan os-ceann a bhaile; ach faodaidh neach so a thuigsinn uile o’n ainm, MON-TRE-AL (Monadh thrì allt). Tha MONTREAL ma ta na bh-aile glan eireachdail, a cuir thairis le biadh agus le dibhe agus le iomadh gnè chosnaidh, tha ’ghnà soirbh ri fhaotainn do luchd-ìmrich. ’S aithne dhomh Gaeil a chaidh a staigh ann gun tasdan d’ an t-saoghal ac a tha ’n diugh ’nan daoine saibhir, agus a ghnàthachadh cainnt chumanta na dùcha sin, air neo-ar-thaing an t-saoghail; ach se mo chomhairle do gach fear a tha cuir roimhe ’dhol suas an dùthaich, gun fhanachd ’an so ach cho goirid ’sa dh’fhaodas e. Tha cuideachd sa’ bhaile so tha cuir luchd imrich suas gu ruig KINGSTON air son aon suime, agus tha mi ’creidsinn gur i sin dòigh is buannachaile do neach a ghabhail. Ach tha dà rathad air a dhol ann, se sin, tha luch-imrich mar is trice ’gabhail suas an OTTOWA leis na bàtaichean-toite gus an ruig iad abhainn dhubh, a tha tighinn a staigh innte shuas ann an GLOCESTER, ris an abrair RIDEAU (ruith-dubh). Tha canàl a dol mach ris an té so fad an rathaid gus am bheil e m’a dheire, a’ bualadh ann an LAKE ONTARIO aig KINGSTON. Ach cha bhàtaichean-toit a th’ ac air, tha e cho cumhann is nach dean a chùis air ach sgothannan-slaodaidh. Tha dà cheud-gu-leth mìle eadar MONTREAL agus KINGSTON an rathad so, tha [TD 49] sea fichead agus trì deug dhiubh sin ann sa’ chànal air fad, agus tha mi ’n dùil gur e eadar dà thasdan deug agus còig deug am făradh coitchionta. Le neach a dhol suas mar so, gheibh e na bhios aige dh’ imrich leis gun mhòran a chosdadh dha, ach ma’s ann suas rathad na St Lawrence a théid e, mothaichidh e atharacha, oir tha ise ’ruith cho brais an iomadh àite ’s nach eil e air chomas do bhàta de sheòrs’ idir, a dhol ’na h-aghaidh; ionnas gur ann le carbadaibh, air tìr, tha iad ag aisig luchd imrich mu chuid d’i, agus tha na ràidean ’an sin cho olc, ’sgu’ bheil e mi-thaitneach iomadh uair do dhuine lom, ’dhol seachad ann ’an carbad, gun ghuth thoirt air fear an teaghlaich ’sna h-ìmrich. Ach cha neil an t-asdar mar so ach naodh fichead mìle, agus ’se rathad is giorra ’sis saoire do’n fhear aig nach bi dragh sam bith ach a phearsa fhéin. Am fear theid suas mar so gheibh e deadh shealladh air an dùthaich ghaelich, Gleann-a-garuith. ’S ise ’cheud chuid a chòlaicheas ris de CHANADA UACHDRACH. Is tric leis na bàtaichean ’bhi ’gabhail staigh connaidh aig LANCASTER agus aig CORNWALL, dà bhaile bheag, laghach, a bhuineas do’n Ghleann. Ma théid coigreach a staigh do dh’aon de na bailtean sin, cha ruig e leas fiosrachadh air-son fear sam bith de’n fhine Dhomhnullach, ni’s lugha n’ as urrainn e a shloinneadh sios, no a shloinneadh suas mar bu choir dhomh a ràdh, air mac athar, a shean’ar, ’snan daoine ’thàinig roimhe; co tuileadh a their nach eil Gaeil ’an America? Tha mòran a dh’eileanan [TD 50] air an amhainn suas fad an rathaid gus an ruigear JOHNSTOWN. Tha cuid diubh so, glè bhòideach ri dearcadh orr’, ach cha neil ach droch fhearann, ann sa’ chuid is mò dhiubh. Tha PRESCOT agus BROCKVILLE suas o so, agus nuair a dh’fhàgas neach BROCKVILLE greis na dhéigh tachraidh ceann gu h-iosal LAKE ONTARIO ris. Ach cha tuig neach gur loch a tha ’n so ach gann, aig cho lionmhor ’sa tha eileanan ann, gus am fàg e Kingston fada fada ’na dhéigh. Ach gu pilleadh a dh’ionnsaidh na h-OTTOWA. Am fear a theid suas oirre-san, an uair a thig e dh’ionnsaidh a chomair tha e ’gabhail an iar ’san iar-thuath gus an ruig e ceann a chanàil. Chì e iomadh àite grìnn an so, mar a tha POINT FORTUNE, &c. Tha Chatam, dùthaich ann sam bheil mòran Ghael, aig fear ’ga fàgail air a làimh dheis an so. Ach ged tha càirdean dhomh a cheana ’an so, cha chomhairlichean tuille dhuibh gus fanachd ann-san no an àite-sam bith eile air an OTTOWA; cha neil ann ach droch fhearann mar is trice, agus tha e anbarach fuar ’sa gheamhradh, seach mar is urrainn do dhuine, nach robh riamh ann fhein, no’n àit eile de’n t-seòrs, a thuigsinn. ’Nuair a ruigeas fear beul an RIDEAU, tha e gabhail deas an iar-dheas, agus a’ fagail STORMONT, GHLINNE-GARUITH agus LOCH-IALL, fada nan cian ’na dhéigh, air a làimh Chlì. An déigh dol seachad tre Ghreenville &c., tha an canàl trèorachadh neach, ma dheire dìreach staigh gu baile Khingston. [TD 51] KINGSTON, &c. Tha aon bhuaidh shònruichte air Kingston nach fhaca mi air mòran bail’ ’an Canada, ach e fhein—se sin, co pailt ’sa tha clachan ann; ach tha clachan an Kingston cho pailt ’sa tha sgleut am Baile-Chaoluis; agus is rogha chlach air son togalach iad cuideachd. Thà ’bhuil, tha aitreabh ghasda agus sràidean glan, grinn ann, agus ’ga ghabhail uile thar a cheile, is baileachan beag glè laghach e. Tha am fearann mun cuairt air rud-éiginn aotrom, mar is dù do fhearann clachach a bhi ’sna h-uil’ ait; ach air a shon sin, tha cliù ro-mhath dheth airson barra, gu sonruicht’ air-son cruineachd. Tha mòran seòladaireachd a’ dol air aghairt mu’n bhaile so, am fad ’sa bhios an loch fosgailt’, agus o’n rinneadh an canàl tha taoghall sluaigh agus bathair ’sgach nì eile moran nis mò air. Gach bathar a bhios dol suas an dùthaich, thig soithicean ’an so ’ga thoirt air falbh; gach siol a’s biadh a’s duine thig a nuas an dùthaich, thig soithichean an so leis; a thuille air gu’m bheil mòran iasgaich air a chumail air aghaidh ann, agus gu’ bheil e ro ghoireasach ri Staid New York, oir tha Oswego dìreach fa-chomhair taobh eile an luich. Cha ’n urrainn domh a ràdh ciod e ’n leud a tha’nn san loch san àite so, ach shaoilinn nach mò e no trì fichead ’sa coig-deug, no ceithir fichead mìle. ’S ann mach cùlaobh Khingston tha ’n dùthaich ris an canar Frontenac; tha Hastings a’ crioch- [TD 52] nachadh rithe-san agus tha Northumhberland a rìs n’is fhaid’ air aghart air an taobh shuas aig an abhainn Trent. Cha ’n fhaic am fear ìmrich an abhainn so idir ’san dol air aghaidh, oir ’sann a tha i ’ga taomachadh fhein ann am Bàgh Qhuinte, sgiath de ’n loch a dh’ fhàgas e ’na dheígh air a làimh dheis. ’Se Port Hope a cheud bhaile puirt is fiù aithrís a chithear an déigh falbh á Kingston. Tha easan na bhaile beag tha ro àillidh ’san t-sàmhradh. Tha e air a shuidheachadh air stèigh àird, thioraim, agus tha fearann gasda mu thimchioll. Tha seòladaireachd chunbhalach thuig’ agus uaithe; agus tha sgadan a’s bradan ’s gach gné éisg a tha air an loch, ro phailt mu’n cuairt da. Tha Port Hope ceud mìle ’sa deich o Khingston agus trì fichead air a shùil o Thoronto. TORONTO, &c. ’Nuair ’thòisich na Breatannaich ri deanamh gach àite mar chìtheadh iad fhein iomchaidh ’an Canada, thòisich ri toirt nan ainmean a chitheadh iad fhein iomchaidh orra cuideachd. Leum iad air Toronto agus thug iad York air: ach bha an sean fhacal ag ràdh, far am biodh dà Chalum gu’m biodh fear dhiubh ’na amadan. B-amhuil a bha chùis an so, gach paipeir a’s litir rachadh sgriobhadh gu New York ’san Staidibh, bu cham gach còdhail dhoibh ach a dhol gu York; [TD 53] ’scha robh sin annasach cuideachd, oir bha York nach robh dà bhliadhna dh’ aois, cheart cho new ri New York a bha trì chiad. Chunnaic iad nach robh a chùis uile gu léir mar bu mhath leò, leum iad a rìs air, sgrìob iad dheth York, agus thug iad Little York air. Dh’ fheith iad beagan, ach cha drinn Little an gnothach ach fuasach little na b-fhearr, agus b-fheudar dlùthachadh ris an sean ainn Innseanach Toronto. Tha Toronto an diugh, mata, an déigh h-uile eíginn ás an d’thàinig e, na thòr cho grinn ’sa th’aig Breatann ann an America, ged is mòr am facal e. Tha ’m baile so air a thogail air steigh thioraim, ghlain, rud bu choir a thoirt fainear, an còmhnuidh ’an Canada, ann an àm bhi ’stéigheachadh baile; oir ma thogar aitreabh air fearann iosal fliuch an sin, is cìnnteach, do’n fhear a thàmhaicheas innt a bhi euslainteach galarach, agus cha bhi maille mhòir air a thinneas bàis cuideachd. Ach cha né so an aon bhuaidh mhaith th’ air Toronto; cha’n aithne dhomh ciod é ’bhuaidh mhaith a tha air bail’ eile ’san dùthaich sam bheil e nach eil air. Tha fearann n’is fhearr ann no tha ’n iochdar na dùcha, agus cha neil e cho fuar; tha bathar n’is saoire ann no tha ’n uachdar na dùcha, agus cha neil e cho fuar. A dheanamh an t-seanachais goirrid cha neil fhios agam am faca mi àit eile ’an America Breatannach ’sam b-fhearr leam a bhi ’fuireach. Agus cha né ’m bail’ amhàin a tha eireachdail, tha ’n dùthaich thall ’sa bhos man cuairt air ro bhriagh cuideachd. Tha [TD 54] Scarborough air an dàrna taobh aig, agus Trafalgar air an taobh eile. Tha Albion, Caledon, Erin, Esquesing, agus mòran eile de dh’ àitean tha ro mhath airson barra mach air a chùl. Gheíbh luchd imrich fearann fiadhaich n’is leòr ri ’cheannachadh le ’dhol greis air ais ’an so, agus tha fearann gle mhath ann ach tha e tuille ’s fad o laimhrig. Be Toronto ceann-bhaile Chanada Uachdrach gus an d’aonadh an dà dhùthaich ri chéile, ach a nis cha toir na Canadaich urram dha, ach mar bhail’ eile; cha mhò bheir sinne, bi’dh sinn ’ga fhàgail. HAMILTON, &c. Tha Hamilton ’na bhaile beag ro chiatach ri fhaicinn, agus ro shlàinteil ri àiteachadh. Tha e togta air sliabh bòidheach, réidh, de fhearann tioram, gainmhich, eadar a bhi ruadh ’sa bhi geal, aig fior cheann shuas Lake Ontario. ’Se dà fhichead mìle ’sa dhà, air a chlaigionn, a tha e bho Thoronto, agus ochd fichead o Ghoderich ’sna Huron Tract—se sin, leis an rathad-mhòr a ghabhail troi’n dùthaich, ach leis an uisg a leanachd mu’n cuairt tha mi ’saoilsinn gum bheil e cho math is còig ceùd uaith. Am fear a bhios air tì ’dhol suas air an uisg’ an taobh sin, no rathad Lake Erie, cha chòir dha dhol air aghaidh gu Hamilton idir, ach gearradh tarsuinn o Thoronto gu bun Abhainn-na-Gàirich (Niagara), agus tha canàl (Welland) á sin air am faigh e [TD 55] suas gu Lake Erie. Faodaidh e mar so seòladh suas timchioll cheann-a-niar-dheas Chanada uile gu léir, agus a ghnùis a chuir ’san àirde-tuath rìs, gus an ruig e Goderich air Lake Huron. Gheibh e suas uair sam bith, a thaobh aisig deth, gu ruig Sandwich aig iochdar Lake St Clair; agus tha bàta le Cuideachad* Chanada ’tighinn gu sin, uair ’san t-seachdain, a dh’ iarraidh gach goireas a bhios a dhìth air a bhaile, agus luchd imrich ma gheibh i iad. ’Se mu cheann gu h-àrd Lake Erie, agus o sin gu ruig ceann gu h-iosal Lake St Clair, mìr is blàithe de dh’ America Breatannach uile; cha neil Gael fallain sam bith nach fhuiling fuachd a gheamhraidh ann math gu leòr, gidheadh, tha a dhroch bhuaidheannan fhèin maille ris air-son sin uile. Cha neil ann ach fearrann iosal bog mar is trice, a tha ro bhuailteach do dh’ euslaintibh agus do reotha sàmhraidh; ach cò-dhiù, do’n fhear a tha saoilsinn gu’m freagair e dhà, agus gur ann a théid e, ni mi iùl air bealach eile; se sin, rachadh e air tìr aig New York agus gheibh e suas air bàta-toit’ o sin gu ruig Albany, àstar mu thuaiream ceud gu leth mile. Gheibh e o sin gu ruig Shenectady, sea mìle deug, air rathad iaruinn, agus o sin gheibh e air an Erie canal, h-uile buille tuilleadh gun bhriseadh, gus am bì e aig Buffaloe air ceann gu h-iosal Lake Erie. Cha toir an t-àsdar so uile dheth, ach mu ochd latha de dh’ ùine, agus mu aon dolar deug a’ dh’ airgiod * Canada Company. [TD 56] faraidh, co-dhiù, ’se sin tuairmeachd a chosd e dhomhsa ’o cheann beagan bhliadhnaichean roimhe so. Ach gu pilleadh rìs a dh’ionnsuidh mo sgeòil. Tha Hamilton ’na bhaile aig a’ bheil cothroman air leth; tha e goireasach ris an loch, agus tha e goireasach ris an dùthaich; tha rathad air a ghearradh dh’ionnsuidh na h-àirde deas uaith, seachad air Ancaster, tre Oxford, dùthaich anbarach gasda, fad na slighe gu ruig Lunnuinn; agus tha rathad eile a’ gabhail an iar uaith troi’ Beverly, Flamboro, agus Waterloo fad na slighe gu ruig Goderich. Mar so chi am fear ìmrich gu bheil amar no dhà a’ toirt uisge gu muileann Hamilton. GODERICH &c. ’Nuair a dh’fhàgas am fear imrich Waterloo air a chùl bithidh e ’staigh ’an Wilmot; tachraidh Easthope ris an sin, agus ’nuair a thachras tuigeadh e gu’m bheil e air criochaibh Cuideachd Chanada. Se Ellice an ath-àite ’chòlaicheas e, agus faodaidh e aithneachadh nuair a chì se e, gun cheist fheòrachadh do chompanach, oir tha rudaiginn an sin, a bheir sanus do gach Gael a ghabhas an t-slighe, agus nach sguir do labhairt riu car iomadh latha ’s bliadhna; se mo dhleasannas so a mhìneachadh do’n fhear ìmrich, agus on is e, ni mi é. Nuair a thòisich a Chuideachd ri reiceadh am fearann fhéin ann ’sna Huron Tract, [TD 57] is beag nach do lion iad, cha’n e mhàin America, ach, an saoghal uile le paipeiribh uime. ’Sduine bhiodh rud-eiginn na b-fhiosraiche no’n ruith-chumanta a dh’fheumadh e, a smuaineachadh nach e bh’ ann nàdar beag do dh’ionad meadhanach, air nach d’ amais an cinne daoine riamh roimh an taobh a staigh de “stairsnich a chrúinne chè.” Bha ’n geamhradh blà; cha robh an sàmhradh teith; bha muillean tog-te, fearann glan-te, ròidean déan-te, agus bu leòr a cheud bhàrr gu saothair an tuathanaich a phàigheadh air-son an talmhainn a ghlanadh; bhiodh e chaoidh tuille ’na dhuin’ uasal, ged a bhiodh e beò gus am biodh e cho sean ri Methusalam; agus ged rachadh an taobh bha shios shuas de’n t-saoghal bu leis-san a bhi ’na dhuine sona. Ach mus an sealbhaicheadh e na beannachdan mòra so, dh’fheumadh e bhi ’na dhuine so-chomhairleachaidh agus gun dad a chuir ’an teagamh de na rachadh ìnnseadh dhà; dh’fheumadh e ’chreidsinn gu’m biodh am fidheach geal òi’ch’ innide; gu’n itheadh an t-each dubh a chlach-chnotaig, agus gu’n tilgeadh am freasdal gach ni air am bruadaireadh miann ciocrach a cridhe ’na uchd. Faigheadh e fearann a rìs ri taobh rathaid, agus bhiodh na h-uile gnothach ceart. ’Sann mun àm ’sna bhodhair a ghaoir so cluasan na bha de luchd imrich ’san Roinn-eòrp, a smuainich roinn de mo luchd dùcha ’chaidh ’null thar fairge, gun rachadh iad do’n àite “gun choimeas” so. Ghabh iad, uime sin, a dh’ionnsuidh luchd-gnothaich na Cuideachd, [TD 58] dh’fheuch an robh greim idir fathast a làthair, a gheibheadh iadsan. Bhà, mar a bha’m fortan ’sa chùis, bha beagan a làthair eadhoin fathasd. Chaidh map a thoirt a nuas air muin map, fear iar bòrd ’s fear ri balladh; bha dealbh gach àit’ an so, ’sma bha, bha dealbh an àite mu bheil sin a’ labhairt ann. Bha e so da-rìreadh ’na àite goiriseach. ’Sann aig an fheadhainn a bhiodh ri dà thaobh an rathaid, bhiodh an toil-inntinn de ’m beatha ’san t-saoghal. Ciod é th’ agad air? am fear nach toireadh làmh air a sporan bheireadh e làmh air a bhill, agus dh’falbh gach fear gu sunndach le àireamh a chroite air criomaig phàipere ’na phòc’ aig. Thog iad orra, iad fhéin ’san teaghlaichean, a’ cuir suarrach na dh’fhàg iad aig “bodaich nam briogais,” ’sa cuir romhpa nach deanadh iad stad no fois gus am biodh iad far am faodadh iad a ràdh, “Gabhaidh sinn’ an rathad mòr, Olc air mhath le càch é.” Ach ’nuair a ràinig mo laochain an ceann-uidhe, ciod é theireadh iad? fearann nach robh freagarach air-son beò chreutair! mu’r robh air-son, “’Sgaoth de ghèoidh no thunagan, ’Gan lubradh fein le tlachd.” Thòisich iad ri beagan a ghlanadh, agus cha bé sin am baoghal. Coma còdhiù, chaidh acasan air; chuir, agus chliath iad é cuideachd, ach na bhuain iad e? cha do bhuain; cha né gun do bhàth an t-uisg ’as t-earrach e uile’ gu léir, ach [TD 59] a chuid air nach drinn an t-uisge obair chìnnteach as t-earrach, mhort an reòtha ’san t-sàmhradh e. An déigh an saothair ’san ùine ’chall air, car iomadh bliadhna, b’fheudar do na daoine bochda mi-shealbhar, fearann ùr a thogail a rìs o’n chuideachd, agus an lòn fhàgail na fhàsach, mar shùileachan agus mar rabhadh do gach fear ìmrich a ghabhas an t-slighe sin. Cha neil teagamh agam nach eil an Leughadair beul ri bhi cho sgìth de ’n lòn a nis ’sa bha ’n dream a bha ’ga àiteachcadh. Agus o na tha ni sinn ceum ’san t-slighe, agus cha bì sin ach an t-slighe dhìreach. Tha dà fhichead mile ’sa’ còrr an so de radhad cho dìreach ’sa thàirneadh a chairt-iùil e: faodaidh sin barail a thoirt do neach cho còmhnard ’sa tha ’n dùthaich ’san àite so. Nuair theid neach air aghaidh m’a thuaiream fichead mìle bithidh e staigh air cearnaig ris an canar Tuckersmith, far am bheil iomadh Gael suilbhire, neo-dhoicheallach. ’Sann a chaidh a chuid is mò de na Gaeil so suas á Pictou ’an Nova Scotia, àit air an tug sinn luaidh fagus do thoiseach an leabhrain. Air-son aoidheachd agus fiùghantais, cleas nan Gael còire uile, cha’n fhaca mi ’n àicheadh; ach air an làimh eile, ma chasas neach orra tha iad cheart cho diorasach ri sin; tha ’n “Ceann-Iùil” h-uile buille cho eòlach orra ’sa tha ’n t-òsdair aig an t-searraig. Bheir coiseachd cheithir uairean neach o chriochaibh Tuckersmith gu baile mòr Ghoderich, ceann-a-bhaile na Huron Tract. [TD 60] Tha Goderich air a thogail air còmhnard àluinn, eireachdail, de dh’fhearann tioram gainmhich agus gaireìl, air bruaich Lake Huron, àite cho grìnn air-son baile, a thaobh suidheachadh, ’sa dh’fhaodadh a bhith ’san t-sàmhradh, ach tha e tuilleadh is nochd-te gu mòr mar steígh baile ann an dùthaich a tha cho fuar ri Canada ’sa gheamhradh. Ach cò an t-àit air nach eil rud-éiginn a ghabhadh seachnadh, agus ma tha sin air an àite so tha rud math eile aige ás nach urruinn mòran de choimhearsnaich uaill a dheanamh, ’se sin feothas na h-acarsaid a th’aige. Bha an acairsaid so fasgathach gu nàdarrail, agus chaidh mòran airgid a leigeadh ’mach oirre gu ’leasachadh, air achd is gu’ bheil i nise da rìreadh na “cala-port-séimh.” Ach ’se rud is miosa air an àite so ged tha an acarsaid cho math, nach eil ach ro bheagan feum’ oirre fhathast, is cha mhò no sin ruigeadh leas dùil a bhi ris, oir cha neil Goderich ach ’an aois a leanabais; mus math mo chuimhne ’sann ’sa bhliadhna 1829 a thòisicheadh ris na ceud thaighean a thogail ann. Mar so cha neil gnothach aig soithichean tighinn a dh’iarraidh dad ann, oir cha neil a bheag aige r’a sheachnadh; agus ged a thigeadh iad an le luchd cha neil dad aig Goderich ri thoirt doibh air a shon fhathast. Ach ged is ann mar sin a tha chùis am feadh so, tha h-uile coltach gum faod Goderich a bhi ’na bhaile math a chuid ’sa chuid. Tha a Chuideachd a’ deanamh a-h uile dìchill is urrainn doibh, g’a chuir an ceann air [TD 61] gach dòigh. Tha iad a’ gearradh ’mach rathad, a’ togail dhrochaid, a’ deanamh mhuileann agus gach nì eile ’tha ’nan comas, a shaoileas iad a bhi chum leas an àite. A bharrachd air an rathad air na sheòl mi suas am fear-ìmrich, rinn iad aon eile gu Lunnainn, astar a tha mu thuairmeachd tri fichead mìle, agus a bha ro dhuilich a réiteachadh, oir tha a chuid is mò de’n fhearann troi’ bheil e a’ dol ro chòmhnard, bog. Tha iad air air an láimh eile ’toirt cosnaidh do dhaoine bochda aig nach bi seòl air fearann a phàigheadh le airgiod, gus an cuir iad am fàrdan mu dheire’ dheth staigh dhoibh le obair. ’Se dolar gu leth an acair a tha iad a’ ghabhail air fearann fiadhaich ann an àitibh ùra, ach far am bi rathaidean mòra deanta agus goireasan eile de’n t-seòrsa sin bithidh e mòran n’is daoire. ’Sann a bhios a phrìs an còmhnaidh a réir fheothais agus a réir nam buaidhean àraidh a bhios air gach àite fa-leth, ’nuair a bhidheas mòran air a ghlanadh timchioll air àite a bhios ri reiceadh. ’Nuair a thòisicheadh ri reiceadh fearainn Ghoderich ’sa bhliadhna 1830, ’se dolar agus cairteal a bha e; ach nuair a bha an “Ceann Iùil” an sin mu dheire, ’sa bhliadhna 1839, bha e ceithir dolair an acair, agus tha e uile choltach leam gu’ bheil e còig an diugh. Tha fearann anbarach uile math ann san àite so, agus is tric leis bàrr trom a thoirt uaith ma bhios an seusan freagarach,—gu sònruichte buntàt’ a’s corc; fàsaidh peasair a’s cruineachd cuimseach math [TD 62] ann cuideachd, ach tha ’n cruineachd gu h-àraidh ’na bhàrr neo-chinnteach. Faodaidh deich peiceannan fichead a bhi aig neach air a pheic shìl, ach is dòcha gu mòr deich a bhi aige; gidheadh, tha e iomadh uair dol fada os-ceann aona-chuid diubh, oir b-fhiosrach mi fhein far an robh ceithir agus còig deug thar a fichead air, caochladh bhliadhnaìchean. Bha duine creideasach a bha ’na dheadh thuathanach aig ìnnseadh dhomh, gun robh dà fhichead, uair a’s uair aig’ air; agus bha mi ’toirt làn chreideis dà. Ach fàsaidh buntàtata n’is ro fhearr no cruineachd ’an so, cho fad ’s is fhisorach mise. Ma shuidhichear ann an tràth e, ann an talmh a bhios air ùr ghlanadh, cha neil dà fhichead baraill air a bharaill shìl ’na rud mòr idir, gun todhradh gun ghlanadh gun ùireadh, o’n latha théid e ’san talamh gus an latha thig e ás. Cha neil an t-eòrna a’ freagairt gu math ann, ach fàsaidh seagal fior reachdar annsan agus ann ’s gach àit eile ’an Canada, tha mi’n dùil. Fàsaidh corc fuasach trom laidir ann, mar an ceudna, ach cha neil aca ach droch sheorsa sìl ’s cha mhò tha iad a’ feuchainn ri ’leasachadh; o nach eil ’ga itheadh ach na h-eich, na daimh agus na mucan ’san dùthaich sin, cha’n fhiù leò bhi ’deanamh mòran dragha ris. Tha cuid a’ cur a choirc ìnnseanaich ann cuideachd, ach is bàrr ro neo-chinnteach e ’san àite sin; ma fhreagras a bhliadhna dha, faodaidh e bith gur fhiach e dhragh, ach mur freagair, is gnothach mòr air an fhear aig am bi e, a chur [TD 63] ri bheò tuille. Cha neil an reòtha sàmhraidh buailteach do’n àite so, is cha mhò tha e mi-fhallain, agus tha buaidh eile air bu leòr a chuir eireachdais air àite sam bith ’an America. Tha uisg’ ann cho math ’sa b-urrainn do dhuine iarraidh; ’saithne dhomh iomadh fuaran ann, a dh’ fhodhnadh a chuir air falbh muilinn beag, a tha tigh’n ’nan cuairteig o’n ghrinneal mar air slinnein Beinn Dobhrain. Tha a choille garbh agus àrd ann, agus mòran sheòrsannan ann d’i, ach tha gu sònruichte fiodh an t-siùcair ro phailt ann. Ach a dh’ aindeoin gach buaidh mhath a th’ air Goderich, agus a dh’ aindeoin na rinn a Chuideachd air a shon, chuir mòran de na daoine chaidh staigh ann, comain air am fad ’sis baile e, Bha mòran diubh so’ nan daoine saibhir agus iad anbarach tìtheach air math an àite ’chuir air aghaidh, air achd is gun do leig iad a mach an cuid airgid air glanadh fearainn, air togail aitribh, agus air oibribh eile de’n ghnè sin a bha fada fada na bu bhuannachdaile do’n àit, agus do luchd-cosnaidh an àite no bha iad dhoibh fhéin. B-ann diubh so an dà dhuin’ uasal cheanalta Caiptein agus Doctair Dunlop, dà bhràthair a cheannaich, agus a ghlan, fearann air taobh eile na h-aibhne ’tha ’ ruith a staigh do’n acarsaid, aig ceann mu ’thuath a bhaile. ’Se fear dhiubh so’ thaghadh le muinntir na Huron Tract, ann ’sa bhliadhna 1835, a riochdachadh an cùis ’sa Phàrlamaid; ach tha e beul ri bhi cho duilich do Riochdadair an sluagh a thoileachadh ’an sin, ’sa [TD 64] tha e do’n fhear a bhios a’ sgriobhadh na Gaelic a leughadairean a thoileachadh ’an so; agus tha mi ’tuigsinn gun do chaill an duin’ uasal a chaithir ’san taigh am bliadhna. ’Se fior dhuin’ uasal, agus ciamar a bhiodh e air atharach, smior a ghaeil, a tha criochnachadh riu so air an dàrna taobh; fear Iain Mac Dhòmhnuill de mhuinntir an Eilein Duibh, dlùth air Innernis. Tha oighreachd ghrinn aige-san air bruaich na h-aibhne so, agus oighreachd no dhà eile feadh na dùcha ’bharrach oirre, agus gu’m bu fada slàn, fallain, gus am mealtuinn E féin ’sa chéile rìbhinneach, A mhìneag mhalta stuam. Ach an àm a bhi ’deanamh luaidh air na Gaeil, cionnas a dh’ ainmichinn fear eile air thoiseach air mo sheana chairid, fear a chridhe mhòir ’sa bheòil chumhainn, Uisdean Sisealach; am fear aig an tric a fhuair an coigreach aoidheachd agus an t-acrach lòn, agus carson nach fhaigheadh, ’nuair a bha paillteas aige, “’S ’an uaisle le spiorad air mhireadh ’na chàil, ’S e iriosal, bàigheil, cineadail, còir,” Gus am furan ’ga ionnsuidh. Ma thig mo shaothair gu làimh, gabhadh e so uam mar chothar air a mheas a bh’ agam air, mar dhuin’ onarach, mar dheadh choimhearsnach agus mar fhior Ghael. Tuigidh am fear-ìmrich o so gu’ bheil Gaeil lionmhor ’an Goderich; ach cha né sin amhàin bu mhath leam e ’thuigsinn, ach gu bheil iad a’ [TD 65] deanamh gu math ann mar an ceudna, agus nach b-olc an t-àite do thuille dhiubh e. Tha gach gnè bhìdh e bheir fearann na dùcha uaith soirbh na leòr ri ’thoirt ás an talamh ann, agus cha neil mi ’saoilsinn gu’ bheil àit iasgaich ’san tìr is fhearr no Lake Huron. Tha an sgadan mar is trice mu shea-dolair am baraill ann; am flùr mu na phrìs cheudna—buntàta mu choig tasdain am baraill, na h-ùbhlan mu ’n phris cheudna, ’nuair a bhios iad ann—corc ma dhá thasdan an tomhas (34 puinnd)—eòrna trì tasdain (54)—seagal trì tasdain (54)—cruinneachd o thrì tasdain gu dolar (60)—siùcar o ghròta gu tasdan (1)—tea ’o thrì tasdain gu dolar—tombaca o naoidh sgillinnean gu dà thasdan; tha ’m pailteas de’n rud mhosach so a’ fàs ann, ach cha neil iad ’ga dheasachadh mar is nòs leò am Breatann, ach shaoilinn, air a shon sin, nach urrainn a bhlas a bhi ’bheag ni’s miosa ’san dàrna àite no tha e san àit eile. Muic’eoil còig dolair (100)—mairteoil ceithir dolair—muilteoil ro ghann—uibhean ’o ghròta gu tasdan an dusan, ach ochd sgillinn deug ’sa gheamradh—eòin bhliadhta ’o dhà thasdan gu ceithir dolair an ceann—ìm o ochd sgillinnean gu tasdan (1 punnd)—càis o shea sgillinnean gu deich (1). Tha bathar bog agus cruaidh ni’s daoire ’an so no’n àite sam bith eile ’san dùthaich. ’Se ’s coireach ri sin, gur e baile ’s aìrde ’san duthaich. [TD 66] BEACHDAN M’A AMERICA, &c. Rinn mi nis an t-iùl air fad-fiaraidh na dùcha d’ an luchd-ìmrich, ach ged a rinn, tha fios agam nach drinn mi na bu mhath leo uile gu léir, agus gun abair iad rium, “o’n a rinn thu ’n réis dean an oirlich,” on a rinn thu ’n t-iùl duinn do’n dùthaich innis dhuinn cò an t-àite dh’ i ’san còir dhuinn tàmh a ghabhail; ach faodaidh cuimhne bhi aig an Leughadair, nach do ghabh mi os-làimh so a dheanamh ’an toiseach mo leabhrain, agus gu dearbh ’se aon de na nitheana mu dheireadh bu mhath leam a chuir mar fhiachan orm. Ach ged nach do gheall mi so a dheanamh, tha mi cho tìtheach, air na h-uile riarachadh is urrainn domh a thoirt do mo luchd-dùcha, is gun leig mi ris daibh mo bheachd air a chùis sin mar an ceudna: mo bheachd a deiream, oir ’se mo bheachd is cha ’n i mo chomhairle ’bheir mi seachad, agus tha mi ’g ìnnseadh gu follaiseach nach eil mi ’g iarraidh am beachd ceudna, a sparradh no ’chalcadh an ceann no ’n cridhe fir sam bith, ni’s fhaide no dh’ fhosglas fhiosrachadh féin, agus seadh cudthromach nan reusan a chuireas mise ’na làthair, bealach dhoibh. Do fhear an teaghlaich, ma ta, ’se mo bheachd-sa gur i Canada Uachdrach dùthaich is fhearr a ’tha aig Breatann ann an America, agus is iad na ceàrnan àraidh a chotharaichinn a mach dha air thoiseach air càch uile, Home District, London District, no an Huron Tract. ’Se mo reusan, [TD 67] is cudthromaich’ arson roghainn a dheanamh de Chanada Uachdrach mar dhùthaich, gur ann innte a tha ’m fearann is fhearr, agus nach eil an geàmhradh cho fada no uile gu léir cha fuar innte, ’sa tha e ann an Canada Iochdrach, ’an Nova Scotia, ’an Cape Breton, &c. Aig feothas a fearainn a bharrachd air na dùchannan a dh’ ainmich mi, faodaidh cruineachd, cularain, tombaca, agus mar sin sios, a bhi’fàs do’n fhear a bhios ’an Canada Uachdrach, am feadh nach bi acasan a bhios ag àiteachadh nan dùchannan eile ach maothranan meanbha de bhuntàta bog, sleamhuinn, agus deiriolean aotrom de chorc crion, còsach, a dh’ abuicheas an reòtha sàmhraidh, theagamh, ceithir latha deug roi’ lùnasdainn. Agus ’se mò reusan is cudromaiche, airson nan àitean àraidh dh’ i, a chotharaich mi’ mach, a roghnachadh, gum beil fearann ni’s fhearr annta no tha ’n iochdar na dùcha, agus nach eil iad cho fuar, gu’m beil fonn ni’s fhearr annta no tha’ san Western District, agus nach eil iad cho mi-fhallain no idir cho buailteach do reotha sàmhraidh. Ach cha bu mhath leam air son so uìle, gun saoileadh mo luchd leughaidh gur dùthaich bhlà Canada Uachdrach ’sa gheàmhradh; cha nèadh, is fhad a ghabh sin uaipe; agus faodaidh am fear nach robh riamh á Albuinn a bhi’ bruidhinn, a’ leughadh, smuaineachadh ’sa bruadaireadh air fuachd gus an liath e, ach ri bheò shaoghal cha tuig e meud an fhuachd a tha ’n Canada gus am fairich se e fheìn airneo fuachd eile cho mòr ris. [TD 68] Dh’ fhairich mo chluasan-sa roi’ so e, ach ged a dh’ fhairich, cha neil cainnt agam gus a chruas a chuir an cèill, a ràdh na firinn, cha neil a Ghaelig comasach air a chuir an céill, agus o nach eil, thug mise dùil-thairis gu’ bheil cainnt eile ann an ni e. Ach ged nach eil mise, no mo chainnt, murrach air a phlatha is teagmhaiche de theanndachd a riochdachadh do m’ luchd-dùcha, gidheadh, o’n chaith mi trì gheamhraidhean fada fada, ’m fearann tiorail Cuideachd Chanada uaireiginn, gabhaidh mi oslàimh fad gach geamhraidh fa-leth dhiubh sin ìnnseadh dhoibh. Mhair a cheud aon diubh so sea miosan air a shùil; ’se sin, thòisich a ghaillionn air an t-seachdamh latha fichead de mhios mu dheireadh an fhoghair, agus air an t-seachdamh latha fichead de mhios mu dheireadh an earraich bha a chuid bu mhò de’n talamh ris—mhair an dàrna aon diubh so dìreach trì miosan agus seachd làithean; ’se sin, thòisich a ghaillionn air a cheud latha de mhios meadhonach a gheàmhraidh agus air an t-seachdamh latha de’n Mhàrt, ’se glè bheag a bha làthair d’i—mhair an treas geamhradh dhiubh so còig miosan a’s beagan làithean, thòisich a ghaillionn air-san mu latha Sàmhna agus dh’ fhalbh i air a cheud seachdainn de’n Ghiblean. Nis ged bha na geamhraidhean so fada, a bharrachd air a bhi fuar, cha tigeadh iad an gaire, an aona-chuid de’n dithis, do mar a bha iad ’an iochdair na dùcha; agus ’sann a tha daoine ’theid suas á Canada Iochdrach agus àiteachan [TD 69] mar sin, a’ faotuinn faochaidh cotharaichte, ri linn na h-ìmriche, thaobh fuinn agus aimsreach. Ach ged a tha e soilleir do na h-uile neach a shiùbhlas America Breatannach, gur i Canada Uachdrach dùthaich is fhear dh’ i, air-son an fhir aig am bi teaghlach ’sa bhios a’ cuir roimhe dachaidh bunaiteach a dheanamh dha fhéin agus do’n iarmad a thig ’na dhéigh, dh’ fhairslich orm riamh a thuigsinn carson a bhiodh i ni ’b-fhearr no àite sam bith eile ’san dùthaich do’n fhear a tha ’cuir ùidh ’sa chosnadh, agus nach eil ach a’ feuchuinn ciod é am bruanan airgid a bhios aig air a chnuasachadh aig ceann na bliadhna. Tha tuarasdal math ri fhaotuinn gun teagamh an cuid de Chanada Uachdrach, ach ma thà tha h-uile ni eile daor do réir sin, agus ’nuair a chuireas neach an dà chuid mu choinneamh a chéile, cha mhòr nach saoilinn nam biodh cosnadh cùnbhalach aig fear an àite sam bith eile ’n America, gu’m faodadh e deanamh cho math ann ’sa dheanadh é ’an Canada Uachdrach. Cha neil ag nach eil gleadhadh math air seirbhisich ann an àitibh tha greis suidhichte ’n sin, ach ma ’se lòn sòghail a bhios a dhìth air neach, ’si comhairle ’bheirinn air, e ’dhol a null am measg nan Yankach, oir cha dean Canada gille màileid do ’na Staidibh ’san t-seadh sin. Tha mi’ creidsinn nach biodh a bheag a dh’ aobhar aig’ a bhi’ di-moladh na h-iomlaide air dhòigh idir, oir tha oibrean’ dol air aghart ’an sin na h-uile latha deug ’sa bhliadhna, agus tuarasdal ni’s fhearr no tha air an taobh [TD 70] againn de’n chrìch. Theid meas agus modh duin’ uasail a thoirt do’n chosnach ’an sin. Ged a b-e an Ridir mòr I— M— R— a mhaighstir suidhich e air an aon bhòrd ris, agus cha sealla[?] idir sios air air-son e bhi ’na dhuine bochd, ma’s duine dìchiollach, onarach e, aig am bi giùlan math air fhein ’na ghairm mar chosnach, ’s ghluaiseas e fhein gu neo-oilbheumach do cho-fhlaitheachd na tìre ’s do’n teaghlach ’sam bi [?] ’tuineachadh, agus osbàrr a ni e fein feumail do’[?] tì a thuarasdalaicheas e. Agus cha ’n ann do luchd-cosnaidh amhàin tha na Staidean freagarach; ’nuair a ghabhas mi gach cothrom a tha air an dà thaobh gum’ smuaineachadh, tha mi air mo cho-èigneachadh gu bhi de bharail, gu’ bheil roinn de ’na Staidean ni’s fhearr air-son duine tapaidh, eòlach, aig am bi cuibhrinn mhath airgid gus tòiseachadh ann, no tha gréim idir de chòirichean Bhreatainn. ’Si Stàid Ohio agus roinn de Staid Michigan, gun teagamh ’sam bith cearna ’s freagaraiche do Bhreatannach, a thaobh aimsreach, a tha eadar dà cheann America; agus tha e ni’s soirbhe fearann a cheannachadh ’an sin no tha e ’an còirichean na Ban-righ. Tha fearann Chanada air a reiceadh cho àrd ri dolar is tri chairteil, ’nuair nach eil fearann nan Stàid ach dolar is cairteal amhàin. Agus tha na’ Yankaich ’toirt cothrom eile do dhaoine ’an car fearainn a cheannachadh, ’se sin, ma phàigheas neach an còigeamh de luach an fhearainn ’nuair a ghabhas e seilbh ann, gheibh e còig bliadhna [TD 71] dhàlach, gus an còrr a phàigheadh ’na chòig earainnan, earainn le ’riadh an ceann na bliadhna. Bithidh e feumail dhomh a thoirt fainear, ’san àite so, gu’m bheil a Chuideachd Chanadach a’ leantuinn na riaghailt so, ach se dòigh air am bheil fearann na Ban-rìgh ri ’shealbhachadh, còig puinnd shasunnach, de’n luach, iocadh ’an seasamh nam bonn, agus an t-iomlan de’n chòrr ochd latha o’n latha sin, airneo bithidh am fearann ’sna còig puinnd maille ris aig luchd-gnothaich na Ban-rìgh, agus gheibh am fear ìmrich a chead a bhi ’sealltuinn mu chaisbheart. Cha ’n urrainn do dhuine neo-chlaon-bhreathach ’sam bith, a chì an dà dhùthaich, àicheadh nach eil na Staidean a’ tighinn air an aghaidh anbarach brais seach mar a tha Canada, oir b-urrainn domh bailtean ainmeachadh ann, a chaidh a shuidheachadh air an aon bhliadhna ri baile mòr na Cuideachd, o’m beil an diugh trì rathaidean iaruinn a’ falbh, agus ann ’sam beil dà phaipeir naigheachd, a bharrachd air farbhasan beaga, air an clò-bhualadh gach seachdain. Faodaidh am fear a cheannaich àite ’san nàbuidheachd sin ’o cheann dà bhliadhna dheug air crùn an acair, a reiceadh a nis air seachd puinnd no math-dh’aoite air dà phunnd deug an acair, a thuille air feum an fhearainn a bhi aige, am feadh a bha’ chuid airgid na laidhe ann. Agus ciod é is cionfàth air sin uile, ach a mheud ’sa tha ’dol ann de luchd ìmrich, agus no’m faigheadh am beagan chàirdean dealaidh, a tha fhathasd beò aig na Gaeil, an dùrachd, air [TD 72] chor is gun rachadh a chùis a bha iad a’ tagradh dhoibh, agus a chùis, tha dòchus agam, a bhios iad a’ tagradh fathast dhoibh, leò, bheothaicheadh Canada air achd is gu ’m bitheadh i ’na h-àilleagan aig Breatann, ’na h-onoir do luchd tagraidh nan Gael, agus ’na dachaidh sàsda, seasgair, saibhir d’an fhear-ìmrich. A chum a chùis so ’thoirt mu’n cuairt, cha neil Gael bochd eadar Cluaith a’s taigh Iain-Ghròt, do nach bu chòir an aon ghaoir a thogail an cluasaibh àrd riaghlairean na Rioghachd, air-son aisig a nasgaidh fhotainn a null agus fearann a nasgaidh ’nuair a ruigeadh iad, agus tuille cha’n iarrainn am fear do nach fodhainnn sin cha ’n fhiù e a thoirt o’n ghriosaich. Togadh iadsan an caoirean gearanach so, mata, agus na biodh cùram orra nach tuigear e, oir giùlainidh fannan fòil de dh’ oiteig fhallain nam beann e, gun truailleadh, troi’ gach gàbhadh, clàbraid a’s othail, gus, ma-dheireadh-thall, an seirm e gu h-oscara fonn’ar ann an cluais deis Victoria. Na cuireadh iad mac màthar do pharlamaid, agus cha mhòr nach abrainn do chùbaid, mur bi e air-son ìmrich shaor agus fearann a nasgaidh ’thoirt do’n t-sluagh, agus na gabhadh iad clos no suaimhneas gus am faigh iad do dhùthaich a tha feumach orra agus do dhùthaich air am beil feum aca agus fàgadh iad “bodaich nam briogais,” na madaidh, agus na caoraich mhòra, gus a bhi ’deanamh balg-ri-gréin air aghaidh nam brudhaichean. [TD 73] MU THAGHADH FEARAINN, &c. ’An àm a bhi tùradh air a ghnothach chudthromach so, cha’n fheum sinn cleas nan sgriobhairean Gallda ’dheanamh, a théid a null do dh’ America ’sa ruitheas troi’ ’n dùthaich mar gum biodh cearc-ghuir air greidil theith ann, ’sa thig an sin a nall agus a dh’éigheas àird an ceann ’san cluas, nach eil taghadh ri dheanamh air fearann America, ach far an gairbhe tha choille ’fàs. No’m b-ann mar so bhiodh a chùis, chaomhnadh e beagan de mo dhraghsa agus mòran de bhur saothair-se; ach o nach ann, cha ghearain mise air-son mo dragha féin uile ma’s urrainn domh ach ’ur saothair-sa lughdachadh. Ach an àit a choille ìs truime bhi air an fhearann is fhearr, ’sann a tha i mar is trice air ann fhearann is miosa; cha neil mi ’g ràdh gur e grùnnd is miosa na’m biodh seòl air feum a thoirt ás, ach ciod is fheairde sibhse no mise sin, ’nuair nach tig-dìlinn an latha a b-urrainn duinn luach cinn cudaig a mhath a dheanamh dheth? A choille is gairbhe ’chunnaic mise, no fear eile tha mi ’saoilsin, ’an America, ’sann a bha i ’fàs air talamh marbhanta, fliuch, iosal, air am faodadh duine bhi ’g obair deich bliadhna, mu’m faigheadh e, luach na dh’itheadh e ’n aon bhliadhna dhiubh sin, ás. Tha gu h-àraidh darach fuasach trom, ro thrice air a shamhuil so de thalamh, maille ri caochladh sheòrsana giuthais agus seudar—siùcar bog, bèithe buidhe, agus leamhan lòin; fiodhana ’chomhairlichinn do dhuine sheachnadh air na h- [TD 74] uile cor, gu sònraichte ma bhios gach seòrs’ a dh’ainmich mi a’ fàs dlù do chéile. Roghnaicheadh am fear ìmrich am fearann air am faic e ’na seòrsana de dh’fhiodh cruaidh a leanas:—an crann siùcair, an crànn-bhile, an t-uiseann bàn, an leamhan dubh, an leamhan dearg, an leamhan ronnach, a ghall-chnò, a chnò ime, an crann còsach, agus an crann sirist. Ma gheibh neach gach gnè dhiubh sin a dh’ainmich mi, a’ fàs air feadh a chéile air mìr de dh’fhearann còmhnard, tioram, ma bhios gach goireas eile ga réir, cha’n urrainn d’a bhi fad a’m mearachd; gidheadh, bu mhath leam gu’m be ’n crann siùcair bu lionmhoire ann gu mòr; agus gum biodh na craobhan àrd, réidh, dìreach, agus bàrr sùghar, bogar, orr’ agus na duilleagan ac’ anbarach snuaghar, maoth. No’m faighte ’choille mar so, ’se cothar is fhearr air a ghrunnd no i bhi garbh, (ged a tha i garbh, agus ro gharbh far am bhi i mar so cuideachd); agus mar is gairbhe shligiche ’chithear a chairt air a chrann shiùcair ’se cothar is fhearr, ach mar is luime ghuirme ’bhios i air a bheech ’se feothas na cuise e. Far am bi gach fiodh a dh’ainmich mi air feadh a chéile, is còir do na craobhan am bitheantas a bhi o leth cheud gu trì fichead troidh air fad o’m bun gu ruig na geugan is ìsle, gu sònruichte an leamhan an t-uinseann bàn agus an còs-chrann; trì seòrsan tha ro fheumail air-son challaidean. Far am bi iad so uile cha chòir do’n choille-làir a bhi ach ro thana ann cuideachd. Ach ged a dh’aithnichear am fearann math air an [TD 75] dòigh so, tha dòigheannan eile air an aithnichear e thuille oirre:—tha craobhan an comhnuidh dol thairis leis an stoirm feadh na coille, agus ma sheallas neach air-son àite ’sna thachair a leithid sin, chì e ciod é an seòrsa fuinn a bhìos ann, le dhà shuil, gun a bhi ’n comain duin’ eile air-son innseadh dhà. ’Se ’n gliocas do’n fhear-ìmrich sealltainn amach am beil uisge math air an fhéarann a bhios e ceannachadh; mur bi uisge air a bheir dùbhlan do thàrt an t-sàmhraidh agus do reòtha gheamhraidh cha’n fhaigh e mòr thoileachacha dheth. Feumaidh e aire ’thoirt mar an ceudna gum bi cnocan tioram àrd air; goireasach ris an uisg’ far am faigh e taigh agus seillear a dheanamh, agus deanadh e ’chruaidh dhìchioll air a bhi fagus do rathad mòr, do bhaile, agus seach na h-uile nì, do mhuileann. MU GHLANADH FEARAINN, &c. Tha cuid de na Gaeil an dùil gur obair anbarrach spàirneil fearann a réiteachadh ann an America, agus tha cuid eile dhiubh an dùil nach eil ann ach rud nach eil idir doirbh a dheanamh. Nach iongantach an gnothach, ma-ta, nach eil aon de ’na buidhnean so ann an mearachd? Oir tha fearann a ghlanadh ann an America ’na obair anbarach uile goirt, ’se sin ri ràdh, mur gabhar an dòigh cheart air; agus, air an làimh eile, cha neil e ro dhuilich, do’n fhear is aithne ciamar is [TD 76] còir dha a dheanamh. Cha bhi fhios aig’ an fhear imrich air sin, nuair a ruigeas e, agus ciamar a bhitheadh? rud ris nach d’ fheuch e riamh; agus ris nach fhac e a bhi ’feuchuinn. Ach mur bi fhios aige fhein air, is iomadh fear eòlach a bhios deas gus a chòmhnadh le chomhairle a cheud latha a thòisicheas e air an obair sin; dà fhear dheug agus comhairle air leth aig gach fear. O’n a chuireas “griobhag, briot a’s gusgal neach ’na bhreislich,” bheir mise mo chomhairle fhéin dha mus an cruinnich càch. Gabhadh am fear ìmrich mo chomhairle-sa agus na toireadh e feart’ air comhairle sam bith eile gus am faic e am freagair an té tha mise cuir roimhe, ’se sin, e a ghearradh na coille-làir mus an tuit an duilleach dhi ’as t-fhoghar, agus e ’ga trusadh ’na torran sgiobalta dòigheil air muin a chéile, agus cuimhnicheadh e gun gabh e mo chomhairle ’sa gearradh lom gu leòr. Mur téid a gearradh leis an duillich cha bhi teine furasd fhadadh innt, agus mur teid a gearradh lom, gabhaidh i roimh na h-uile ni thig ’na rathad agus is fheudar a gearrach an dara h-uair. ’Nuair a thòisichear ri leagadh na coille mhoìr, is fheudar a chuimhneachadh nach eil ’na leagadh ach ceann aotrom na cùise, gur e a tòrradh air a chéile ’sam beil a chuid is mò de’n obair a’ co-sheasamh, agus o’n is ann gur còir sealtuinn a mach ann an àm. Is còir ’an còmhnuidh dearcadh cionnas a gheibhear trì no ceithir dhiubh a leagadh ri taobh a chéile, ma’s comasach e, [TD 77] air achd is nach bi gearradh no carachadh tuilleadh, ri dheanamh orra; oir a mheud diubh is nach leagar mar so, feumar an gearradh ann an ceithir no’n còig troidhe deug a dh’fhad, agus an tarruing a dh’ionnsaidh an aon àite le daimh. Chithear o so, gun caomhnar dragh an gearradh agus dragh an torradh, ann an tomhas mòr, ma leagar air an dòigh cheairt iad. Agus cha’n iad na buin, amhàin, fhaotainn ceart ris an éiginn dearcadh. Is fheudar beachdachadh ann san àm cheudna ciamar a gheibhear na barran aca cuideachd; oir mur sgathar a bharrach sios gu mìn leis an tuaigh, agus mur càirear suas gu dlù, dòigheil, air a chéile i, cha mhòr nach bi i co draghail ris a chuid eile. Ma bhios neach deònach a chraobh a leagadh ris an àirde deas, tòisicheadh e air a ’gearradh air an taobh deas an toiseach, agus gearradh a troimhpe gu math seachad air a meadhon i, rachadh e ’n sin a dh’ionnsaidh na taoibh tuath dh’i, agus cumadh e ’n gearradh beagan ni’s àirde innt’, agus mar sin, ma bhios e seòlta, gheibh e a cuir an taobh is àil leis. ’Se na h-uile craobh is mò, is còir a leagadh an toiseach, mur bi iad freagarach gus an sgoltadh air-son challaidean; ach ma bhitheas, ’si dòigh is fhearr am fàgail ’nan seasamh gu deireadh. Feumar fiodh nan callaid a ghearradh cho goirid ri dà throidh dheug, air chor is gu’m bi e ni’s soirbhe is sgoltadh, agus ni’s freagaraiche air-son an fheuma sin. ’Se ceithir oirlich air tiuighead ’sam bithear ’gan sgoltadh so; agus ’se leth-dolar [TD 78] an ceud is àbhaist doibh a bhi ’gabhail air-son an deanamh. Tha an acair choille ’cosdadh o shea gu naoidh dolair air-son a gearradh, agus mu uiread eile sin air-son a losgadh ’sa dùnadh. Cha bhi am fear ìmrich air ùr ruigeachd ach fior chearbach air na h-uile cuid diubh so, agus ó’n tha ’n gearradh, gu sònruichte, ’na obair chunnartaich, is còir dha bhi faicilleach, gu h-àraidh ’an am a bhi ’leagadh craoibhe, oir ceart co luath ’sa dh’fhalbhas i bhàrr a buinn, theagamh gur cam gach còdhail dh’i ach a dhol an sàs ann an te no dhà eile a dh’aomas i roimhpe leth rathaid a dh’ionnsuidh an làir, agus an sin, ma gheibh iad an cead, spreadhaidh iad air an ais a cheart cho fada gu’n cùl, a’ froiseadh mheangan ’us ghagan ’us gheug, air an àm cheudna mu chluasan neach, cho luath ’us cho lionmhor ’sa chaidh dòrlach shaighdean a stiùireadh riamh o na “taifeidean cainbe” mu ’n cheanna-bheairt aig Don Quixote. ’Se grad leumadh air cùl craoibh’ eile a chomhairlichinn do neach a bhiodh sa’ ghàbhadh so, oir tha an dàrna té ceart co comasach air a dhionadh ’sa tha ’n té eile air cuir ás da. Tha neach a bhios na choigreach air an tuaigh fuasach ullamh air e fein a mhilleadh leath’, an tùs, mar an ceudna. Chunnaic an “Ceann Iuil” feadhainn a chuir mìr de’n bhròig, leis na h-òrdagan, gu taobh eil’ a bhaile’ dh’aon sguidseadh. Chunnaic e feadhainn eile, a fuaigheal na bròige, na coise, agus na craoibhe ri chéile leis an tuaigh, gus an spionta ás i le neart sgròbaidh. A chum gach [TD 79] tubaist de’n ghné so a sheachnadh, co fad ’sa ghabhas, is còir do’n fhear ìmrich gach cùis a ghabhail anbarach socrach, gun dad cabhaig a bhi air. ’Sann mar sin is fhearr a dh’ionnsaicheas e, agus is ann is mò a nì e cuideachd, oir cha dean griobhag agus briogarlaineachd bheaga, obair America ’thoirt gu crìch idir. Cuimhnicheadh e nach h-obair an diugh ’sam màireach, no obair am bliadhna ’san ath-bhliadhna, air am bheil e ’tionnsgnadh a nis, ach obair a chumas ris am fad ’sis beò e, agus cha ’né sín amhàin, ach nach bi leth criochnaichte ’nuair a gheibh e ’m bàs. Coma, cha neil sin ag ràdh nach bi easan gu math oirre; ’sé a bhitheas, agus mar is aineolaiche oirr’ an tùs e, ’se sin feothas na cùise, oir ged is gnothach iongantach le cuid e, tha h-uile cinnte, nach robh, nach eil, agus nach bi, am fear a bhios cleachdta ris an tuaigh aig an taigh, math oirre an déigh dha dol a dh’America: bithidh e dìreach cosmhuil ri migearlan balaich, a bheireadh còig bliadhna ann an droch sgoil, oir ’s usadh deadh sgoilear a dheanamh de’n mhaothran aig nach eil an A, B, C, no trian de’n t-sean droch dhòigh a chuir á cheann-sa. ’Se ’n geamhradh aimisir gearraidh is fhearr gu mòr. Bithidh am fiodh-cruaidh ni’s buige ’san àm sin leis an reotha, agus cha bhi e idir cho righinn no cho doirbh ri chuir ás a chéile, ’sa bhios e ’san t-sàmhradh. Is tric leis an aimisir a bhi cho fionnar sa’ gheamhradh cuideachd is nach bi an gearradair an cunnart mòran fallais a chuir dh’e. Gabhaidh e o ochd [TD 80] latha gu dà latha dheug a ghearradh acrach gu ceart, do làimh eòlaich, fhoghainntich; ach dh’ fheumadh fear-ìmrich air ùr ’dhol ’ás an t-sean-dùthaich ochd latha deug ’ga h-ionnsaidh, agus cha bhoidh i ceart aig’ an deigh sin uile; tha an tuagh na h-obair chigilltich, ’se ’thigeadh oirre “fear a bhiodh mar cheaird rithe sònruichte.” Cha ruig neach leas oidheirp a ’thoirt air a choille ’losgadh am feasd gus an tig teas an earraich gu math a staigh, agus gus an saoil e gu’m bi h-uile ni, chí a shùil, an impis teine ’ghabhail leis fhéin, mar cuirear ris air dhòigh eile e. ’Si a bharrach a cheud rud air am feuchar an gealbhan, agus mur bi i tioram ni’s leòr, agus drothan math gaoith ann, is coirbt’ an obair i: is miosa i deich uaire fichead no falaisg an fhraoich. Cha bhi ciabh no maladh, air fear a bhios ris an obair so, nach bi dòthta cho ruagh ri bus a bhuilg-shéididh. Nuair a gheibhear a bharrach loisgte ’se ’n ath rud air an toirear làmh a choille mhòr a chàrnadh. Feumaidh an obair so ceithir dhaoine agus cuing dhamh a bhi còluath rithe. Is còir do sgioba de’n àireamh sin, acair a bhios air a leagadh agus air a gearradh ceart, a chuir cruinn ann a’ mu thuaiream còig tòrr deug thar a fichead, ann an latha. Ach ’se dòigh is bitheanta, na bhios a dhaoine, ’s de dhaimh, ann an nàbuidheachd, ’chruinneachadh air aon latha, dh’ ionnsuidh gnothaich de’n ghné sin. Gach còigeamh fear a bhi ’n urradh ris na daimh oibreachadh, agus a sgioba féin aig gach fear air leth, [TD 81] gus na maidean a chàramh suas air a chéile, ’nuair a bheir easan h-uca leis na daimh iad. Faodaidh neach a bharalachadh gur obair shundach i so, gu h-àraidh, ’nuair a thuigeas e gu’m bi fear còrr air an achadh. Fear corr! ach ciod é a bhios easan a’ deanamh? An gille glan! Bithidh a’ falbh mu’n cuairt cho luath ’sa bheir a dhà chois e ’sag éibheachadh “grog, grog,” o mhuch gu dubh, gus an tùch air. Bithidh cuinneag mhòr, làn de dh’ “uisge luathrui’ch an lòin” aige ’san dàrna làimh, agus té eile, h-uile buille cho mòr rithe, ’san làimh eile, làn de stuth-na-tòiseachd —— bi’dh còrn thoirteil a’ plumanaich air a h-uachdar so, ceart mar gum bitheadh sia-ramach bheag air acair ann an long-phort Gaeleach ann, agus togaidh gach fear, a dh’ionnsuidh an tig an “grog Boss,” làn, agus sùgaidh e sud leis—bheir e, an sin, sraonadh gus ionnladh—beòil fhaotainn de’n uisge, ach tha tubaisdean cho buailteach do dhaoinibh ’an sin ’sa tha iad ’an àitean eile, agus is co dòcha gur e ’thogas e còrn eile de’n stuth cheudna. Bithidh gach goireas eile ’ga réir sin fad an latha, ach ’nuair ’thig an òidhche, bi’dh rud nach suail ann. Gabhaidh na suinn an suipeir, agus gabhaidh iad gu math i cuideachd, agus b-olc an airìdh mur a gabhadh, oir is tric leatha a bhi co math is nach ruigear leas a bhi ’gan earail thuice; gu sònruicht’, o’n bhios an gàirdeanan, ’san dromannan fhéin, ag ìnnseadh dhoibh gur math a choisinn iad i. Tòisichidh, an sin, an stuth milis ri dhol [TD 82] m’an cuairt. Se ’n t-òran an ath fhearas chuideachd air an tùirear. An sin deoch-slàinte, agus, o cheum gu ceum, gus mu dheireadh, am bi iad a’ piocadh nan sùl á chéile. ’Se so cuideachd an dòigh air an tric leò cruinneachadh agus dealachadh m’a thogail aitreibh. Ach ma ghabhas am fear-ìmrich mo chomhairle théid e dhachaidh mus an tòisich am buala-chnap. Gu pilleadh dh’ionnsaidh mo ghnothaich,’nuair a gheibhear am fiodh cruachta cuirear teine air mullach gach cruaich, agus cumar thuige e gus an caith e an t-sliseag mu dheireadh dh’i. Is fheudar gach bioran, sliseag, a’s duilleag, a bhios air an talamh a sgriobadh ri chéile ’nan dùnain, an sin, agus teine chuir riu mar ris a chuid eile; agus na h-uile faicill a thoirt g’an sgaoilear an luath mus an tig uisg oirre; oir ma nighear a brìgh aiste, air an àit air an téid a losgadh, cha mhòr a dh’fhàsas ás a bhliadhna sin. ’Nuair a bhios gach tùrn a dh’ainmich mi ullamh, cha bhi de mhaille air neach gun an talamh a chur, ach fhad ’sa bhios e ’deanamh callaide mu’n cuairt air: fanadh trì troidhean de gach stoc ’san raon, gu bhi ’togail fianuise, air “dìchioll gniomha thuathanach.” MU BHARR, &c. ’Nuair a bhios fearann America air uidheamachadh ’san dòigh ann san d’fhàg sinn e, fo’n [TD 83] cheann a bha againn mu dheireadh, faodaidh an tuathanach siol sam bith de ’bheil iad a’ deanamh feuma ’san dùthaich a chuir ann. Ma ’se cruineachd a chuireas e ann, bi’dh ochd galain (trì fichead punnd) shìl nis leòr airson na h-acrach; ach ma’s e corc a bhios e ’cur ann, cha’n uilear do’n acair beul ri sèa galain dheug (68) shìl. ’Sann o thoiseach a Chéitein gu deireadh a mhìos-mheadhonaich a bhithear a’ cur a choirce, agus bithidh e an còmhnuidh abuich o thrì gu ceithir miosan an déigh sin; ach tha dà sheòrsa chruineachd aca—’se sin, seòrsa ’bhithear a’ cur ’as t-earrach, agus fear eile is gnà leò bhi ’cur ’as t-fhoghar. Bithidh iad a’ cur a chruineachd fhoghair, gach uair a thàireas iad, o Lùnasdainn, gus an cuir a ghaillionn stad orra; ach ’se am mìos-meadhonach tràth is fhearr tha ’freagairt. Ma chuirear ni’s tràith no sin e, bithidh e ’n cunnart malcadh fo’n t-sneachd sa’ gheàmhradh; agus ma bhitheas e ni’s fhadalaiche, bithidh e ’n cunnart bàsachadh leis an reòtha, mus an tig an sneachd air, agus an déigh dha falbh dheth. Is còir do’n chruineachd a churar mar so, mu mheadhon an fhoghair, a bhi deas air-son a chorrain, ma fhreagaireas a bhliadhna dha, air a mhìos mu dheireadh de’n ath shàmhradh. Ach cha toir am fear earraich ach mu thrì mìosan san talamh uile gu leir, eadar a chur ’sa bhuain. Ge be seòrsa dheth-san, no de shiol sam bith eile, saor o’n chorc-Innseanach ’s o’n bhuntàta, bhithear a’ cur ann, cha’n eil dad ri dheanamh ach an siol [TD 84] a chur air uachdar an talmhainn, ’s a chliathadh; agus tha cuid de dhaoine purpasach ag ràdh, nach còir mòran cliathaidh fhéin a dheanamh air. Cha’n urrainn domh barail sam bith ’thoirt do’n leughadair ciod e ’n toradh ris am faodadh fiughair a bhi aige, bhàrr acrach, a dh’aona-chuid de’n chruineachd fhoghair, no de’n chruineachd earraich. Tha cuid a dh’uairean beul ri dà-fhichead peic air a pheic shìl, agus uairean eile deich peiceannan; ach cò-dhiù, tha fios agam, far am bi bàrr math de’n fhear fhoghair, gu’ bheil e fada air thoiseach air an fhear earraich, agus, ma chuirear ’an tràth ceart e, de shiol ceart, ann an talamh ùr, nach bu chòir dha bhi fo fhichead peic. Far am fàs an cruineachd gu math, ’se siol is feumaile agus is buannaichdaile tha an tuathanach a’ cur ’an Canada. ’Se ’n aon dòigh air am bithear a’ suidheachadh a choirc-Innseanaich agus a bhuntàta, ann an talamh ùr ’an America. Gabhaidh iad fàl-fuinn, agus togaidh iad beum de’n talamh; tilgidh iad dhà no thrì shùilean ann, agus leagaidh iad leis an talamh tuiteam a rìs air uachdar; agus mar sin air aghaidh, mu thuirmeachd gach da throidhe o chéile, gus am bi iad thairis air an raon. ’Nuair a nochdas e beagan oirlich a mach ás an talamh, ruithidh iad thairis air a rìs, agus togaidh iad an ùir uime; agus car no cuirean, ach sin, cha’n fhaigh e gus an togar e gus a chuir ’sa phoit. Ach tha muinntear eile a tha ’deanamh na h-aon saothrach deth—’se sin, a’ togail na h-ùrach mu’n [TD 85] cuairt da ’nuair a shuidhicheas iad e; agus nach seall tuilleadh ris, gus an cuir miann buntàta, air-neo an t-acras, iad a dh’fhaicinn am bi dad ri bhun. ’Se o dheireadh a Chéitein, gu ruig an còigibh-latha-fichead de’n mhìos mheadhonach, àm is freagaraiche gus an buntàta ’shuidheachadh ’an Canada Uachdrach; agus ma fhreagaireas a bhliadhna dha, ach siol math a chur, faodaidh dà-fhichead baraill a bhi air a bharaille shìl. Gidheadh, cha bu mhath leam gun saoileadh am fear-imrich gu’m faodadh sùil a bhi aige h-uile bliadhna ri sin; ach tha mi ’n dùil, air a shon sin, gur aineamh leis a bhi fo fhichead baraill, gu sònruichte ma gheibh e ’n ceartas bu chòir dha. ’Se ’n t-aon ni is fhaide tha ’n aghaidh bhuntata ann an America, cho duilich ’sa tha e ri ’ghleadhadh o’n reotha sa’ gheamhradh. Ma sann an seillear a chuirear e, tha e fuasach ullamh air dol a dholuith, air aon seòl no seòl eile; agus ma sann an slùichd a chuirear e, tha e anabarach duilich shàbhaladh cuideach. Ma thig an reòtha mus an laidh an sneachda toiseach a gheamhraidh, ruigidh se e, ged bhiodh mòran talmhainn air. Ma thig an reòtha as t-earrach, an déigh do’n t-sneachda falbh, ruigidh se e mar an ceudna. Ma chuirear mòran talmhainn air, is gu’n laidh an sneachda ro throm air còlath ri sin, gabhaidh e teas agus grodaidh e. Mur cuirear air ach beagan talmhainn, agus nach laidh an sneachda air, cha bhi dol ás idir aige. Mar so, is rud cigillteach agus buileach neo-chìnnteach e. [TD 86] Gidheadh, ma gheibhear a shàbhaladh idir, tha e ’na bhàr ro fheumail ann an dùthaich ùir; oir cha’n fheumar a dhol, aona-chuid, gu àth no muileann leis. ’Sann toiseach a mhìos mheadhonaich a bhithear ’cur a choirc-Innseanaich, no an eòrna-mhòir, mar a their na Gaeil ris ann an America. Cha’n eil pòr idir cho dis ris-an an toiseach. Cuiridh an sùgh reòdhaidh is lugha gu tur ás da. Agus cha’n ann an toiseach a mhàin a dh’fheumadh e ’m blàs ’ga chòlachadh, ach na h-uile ial gus am biodh e làn abuich. ’Se talamh eutrom gainmhich is freagaraich’ air a shon, agus àite teith fa comhair na grèine. Cha’n iarr e todhar sam bith; agus cha mhò, ’tha mi ’m barail, gu’n iarradh e boinn’ uisge fhaicinn o’n latha theid e ’san talamh gus an latha thig e ás. Ceart co luath ’sa nochdas e mach ás an ùir, fàsaidh e; agus fàsaidh e da rìreadh. Bi’dh a bhileagan maotha ni’s buige ’s ni’s sughaire no càl an iuchrach, agus mòran, mòran ni’s snuaghaire agus ni’s àillidh dreach no biolaire ’n fhuarain. Ma bhitheas an aimisir cho teith is gun toir grian a mheadhon-latha air liùgadh, ’se sin an rud a thig ris. Birichidh e ’chluasan mu fheasgar, agus sìnidh e gu h-iongantach, ionnas gu’ bheil e iomadh uair a’ ruigheachd a ceithir, a coig, agus cuid a dh’uairean sèa troidh deug a dh’àird. Ged tha an dias anbarach uile tròm air, tha an coinlein garbh da réir, air achd is gu’ bheil e ’seasamh dìreach air a bhonn, rud-eiginn cosmhuil ri coille òg ghiudhais. ’Se [TD 87] dòigh buainidh th’ac’ air, ’nuair a thig e dh’ionnsuidh na meudachd so, ’bhi ’seasamh ann an diollaidean air muin each, agus a’ gearradh na déise dheth mu bun; ach cha tric leis a bhi cho àrd ann an Canada is nach dean luchd-coise an gnothach air: ’sann ’s na Staidean a chunnaic an “Ceann-Iùil” am marc-shluagh ag obair air. Am fad ’sa tha ’chònlach aige gorm, tha i cotharaichte math airson feudalach. Gu dearbh, chan eil mi ’n dùil gu’ bheil dad eile ’fàs á talamh is fhearr mar sin na é; agus tha an siol aige anbarach math do spréidh mar an ceudna, ach cha’n eil e taitneach do dhaoine nach bi cleachdta ris. ’Si a mhin-pheasrach rud is coltaiche ris is aithne dhomh. Tha a pheasair ’na bàrr a fhreagras gu ro mhath ’an Canada. Ged nach eil e chònlach aice math airson feudalach, bithidh mòran sìl oirre; agus tha ’n siol aic’ iongantach feumail a bhiadhadh nam muc—gné aìnmhidh nach gabh seachnadh air dòigh sam bith ann san dùthaich ùir. Cha’n eil teòmachd air an t-saoghal ri chleachdadh thaobh peasrach, an sin, ach a cur tràth, agus gun a cur tuilleadh is tiugh, agus a bhi cìnnteach gu’m buainear i mus am faigh i bhi ro abuich, airneo caillidh i an siol-cuir agus còrr an aon latha, aig mar a dh’fhosglas i le teas na gréine. Tha i ni’s soirbhe ri chaoineachadh, ’san àite sin, no ’thuigeas muinntir an so; agus airson a bualaidh dheth, dheanadh leanabh e. Airson barra gàraidh, fàsaidh iad gun dragh [TD 88] sam bith anns an raon ’an Canada, gu h-àraidh ann an talamh a bhios air ùr ghlanadh. Tha lionmhoireachd sheòrsannan ac’ an sin, mu nach cuala mise sgleò no sgeul gus am faca mi iad; agus cha bu chomasach dhomh an àireamh fa-leth ’an so, ged a theannainn ris; ach co-dhiù, gu’m bheil fhios agam gu’ bheil mòran, eadhoin de na Gaeil, a’ buileachadh tuille de’n aire agus de’n ùine air na nìthibh sin no bu chòir dhoibh. Cha’n eil mi idir a’ ciallachadh nach ’eil currain, uinneinean, agus mar sin sios, math ni’s leòir ’nan àite féin; ach airson sin uile is bochd an gnothach a bhi ’buileachadh na saothrach orra sin bu chòir a chosdadh air réiteachadh fearainn, agus air nithibh feumail eile de’n ghné sin. ’Se ciotaireachd bheaga mu ghàraidh ’us mu mheasan, mu bhi ’deanamh siùcair agus cuaicheineachd eile de’n t-seòrsa sin, obair is cailltiche agus is gòraiche anns an urrainn do theaghlach air ùr dhol a stigh do’n dùthaich làmh a chuir. ’Sann le gliogarsaich mar sin ’tha na ceudan ’gan cumail fhéin ann am bochdainn o bhliadhna gu bliadhna, a’ dì-chuimhneachadh an còmhnuidh gu’m bheil bàrr ri ’thoirt ás an talamh, agus an tig an t-àm anns am bu chòir do ’dhàrna-leth a bhi curta. Cha bhi gréim de dh’fhearann ùr ac’ air a ghlanadh an uair sin; agus is fheudar tòiseachadh ri treabhadh agus ri cliathadh a cheart àite ás an tug iad, an uiridh, an ceart siol a tha iad, am bliadhna mar gum beadh, a’ cur ann. Bheir an obair sin beul ri uiread ùine dhiubh is a dh’fheum- [TD 89] adh e ’ga ghlanadh ás úr, a bharrachd air nach bi an treas cuid de’n bhàrr air a bhiodh aca air dhòigh eile. Ach cha’n e ’mhàin gu’m bi bàrr math aig an fhear a bhitheas a’ réiteachadh mìre h-uile bliadhna, ach bithidh luach an fhearainn aige ’tighinn a mach mar an ceudna; oir cha’n eil acair nach fhiach ceithir puinnd a bharrachd réidh ’s is fhiach i fiadhaich; agus bithidh na dh’fhàsas oirr’ aige, ’thuilleadh air sin, am fad ’s is beò e. A chum a bhi comasach air an dòigh so a ghnathachadh, dh’fheumadh muinntir a bhi ’leigeadh earrainn am mach fo fheur a h-uile bliadhna, mu choinneamh na bheireadh iad a staigh; agus is còir am feur a chur air na h-uile cor, mus an toirear thar dà bhàrr ás an talamh, air a lughaid is gum bi réidh aig neach. Tha am feur ro fheumail airson feudalach; agus cumaidh e ’n talamh ’na neart agus ’an òrdugh ceart, gun a bhi ’dol fiadhaich le luibhean—nì do ’bheil talamh America ro bhuailteach. Le neach ’thoirt deadh aire do na riaghailtibh a dh’ainmich mi, bithidh am pailteas do dhuine agus do dh’ainmhidh aige o’n dàrna ceann de na bhliadhna gu ruig an ceann eile dh’i. Bithidh geamhrachadh aige do chrodh agus a dh’eachaibh—bithidh samhrachadh aige do chaoirich, agus pronn, gun dìth, gun deireas, gun dòluim, do mhucaibh—bithidh coslas ratha air fhéin, bithidh coslas bìdh air a theaghlach, agus coslas pisich air gach nì mu’n cuairt da; am feadh a bhios am fear eile air a chùbadh ann am buillsgean na [TD 90] h-àimbeairt, gun chuid, gun chreideas, gun urram—maoir ’us madaidh an impis na cluasan ’thoirt deth—agus, a dheanamh sgéil fhada goirid, e ’sior dhol an olcas. MA FHEUR, &c. Ma’s miann leat gu’m buain thu feur bhàrr an fhearainn a ghlanar leat fein ann an America, na gabh gu h-olc mise ’dh’ ìnnseadh dut, gur éiginn dut a chur an toiseach; oir ged ’leigeadh tu fàs e, an déigh a réiteachadh gu t-àilleas, cha tigeadh bil feòir á talàmh ann: agus ìnnsidh mi dhut carson. Ged tha coilltean America ainmeil air-son cho math ’sa dh àraicheas iàd feudail, cha ’n ann le feur nàdarrail, mar their sinne ris, tha so a’ tachairt, ach le luibhibh de dh’iomadh gné ’tha anbarach brioghar agus cotharaicht’ a thoirt fàis, agus saille, araon, fad an t-sàmhraidh. Fhuair gach gné de na luibhibh so riaghailt àraidh dhoibh fein, mar gum bann, o nàdar; oir tha aon seòrsa a’ falbh agus seorsa eile a’teachd, gun fhios agamsa (no aig neach eile, tha mi an dùil), carson. Mu’n gann a bhios cuid diubh fo bhlàdh, crionaidh iad ás ann an tiota, agus ann an ùine ni’s giorra n’is urrainn thu ’smuaineachadh, bi’dh seòrs’eile ’làn chodachadh na làraich air an robh an fheadainn a dh’ fhalbh. Ann an àitibh iomallach, far nach eil mòran [TD 91] spréidhe gus am milleadh tha iad ’nan sealladh glè thaitneach. Ma bhios a choille rud-éiginn tana agus am fearann, leth-char còmhnard timchioll air neach, tha iad da-rìreadh ’nan sealladh fior àllidh; iad uile ann an aon aìrde, mar gum bithidh an dàrna aon air deanamh cumhnant ris an aon eile, mach rachadh e leud na h-oirlich mar so, no mar sud, seachad air. Ach ged tha luibhean an àite so, m’an aon aìrde; agus luibhean an àit ud eile, ’an co-àirde dhiubh fein; gidheadh, chan’ne ’n aon àirde tha’n luibhibh gach àite, oir an cuid de dh’ àitibh ruigidh iad an glùn, ’an àitibh eìle an calpa, ’an àitibh-eile an t-aobrunn, agus mar sin sios. ’Se ’n t-Uinnean-Fiadhaich, a cheud fhear a thaisbeanas, a ghnùis, de ’n iarmad lionmhor so. Tha esan, aon uair is gu’n tig an Inid, a’ faireadh, mar gu’m b-eath, a latha ’sa dh’ òidhche, dh’ fheuch cuin a gheibh e ’chead am buar, a tha crùbadh ris na ballaichaibh ’sa thug duil thairis de dhad tuillè fhaotaoinn an taobh a mach de’n phrasaich, fhuran gu’n lòn-maidne do’n choille. ’Sbe sin an lòn tarbhach agus buadhar a neartachadh nam bò. Cha’n fhada, gun teagamh, a bhios iad a’ bratachach air, agas gu cinnteach is còir buil mhaith a dheanamh dheth ’sa chéitean, oir m’a mheadhon an t-sàmhraidh, cò is urrainn a’ràdh? “so far an robh an t-Uinnean.” Bu leis-san an toiseach a’ tighinn, agus cheart cho cìnnteach, is leis an toiseach a’ falbh; nam bann an America bhiodh am bàrd a’ tuineachadh, cuin [TD 92] a smuainicheadh no ’sheinneadh e m’an t-sòbhraich? Bi’dh tusa ’t-eididh ’as t-earrach, A’s càch a’ falach’ an sùl. Ach ma dh’ fhalbhas an t-Uinnean, mar is eìginn gu’m falbh cha ’n ann gun chuimhneachan fhàgail na dhéigh; am feadh ’sa mhaireas greím de dh’ ìm no de chàis an earraich. Tuigidh tu nach cuimhneachan ro thaitneach so, nuair a dh’ ìnnseas mi dhut, nach fhuiling duine, ainmhidh a bhios ag ionaltradh air, a thigh’n gu taobh an fhuaraidh dheth, agus sin gu léir air-son breunaid analach, an déigh bhi ’g itheadh an Uinnein. Tha a bhuaidh so (ma dh fhaodas mi buaidh a’ràdh ris) a tha air an Uinnean. a’ sgaoileadh tre phòraibh beothaich gu h-iomlan, air chor is gu ’m bheil an fhèoil a mharbhar deth———am bainne a bhleodhnar deth———an tìm ’s-an càis a nithear de’n bhainne cheudna; agus cha nè sin a mhaìn ach a mhuic’eoil a théid a dheanamh suas le blàthaich agus le meòg a chéitein, gu h-inbhe bhig, cho searbh ris a chreamh. Cha’n urrainn do neach nach bi air a chleachadh ris compàirteachadh a dh’aon dhiubh sin a dh’ainmich mi le tlachd. Ach carson a their mi sin? Nach fhaod muinntir a chagnas tombaca cho càileachdach ri Gaeil an lath ’n diugh, ni sam bith itheath? Ma bha’n t-Uinnean searbh agus neo-chùbhraidh cha’ne sin e do’ n fhear a thig ’na àite, [TD 93] Càl-a-Chruidh—an luibh còir, nach cuireadh miothlachd air neach am fad ’sa dh’ fhanadh e ás a bhuntàta ’s ás a chruineachd earraich. Tha e so bogar, dosrach, iosal, leth-char coltach ris a bhrisgein againn fhéin ann an dreach, ach tur eadar-dhealaichte ann an nàdar. Is biadh ro mhath e do bheathach, agus bithidh daoine ’ga ghabhail cuideachd, an dèigh a bhruicheadh maille ri feòil mar a bhios iad a’ deasachadh chàil ’an so fein. Is cuimhne leam fhaotainn air mo dhinneir latha uairéiginn, ann an taigh duin-uasail a chaidh a mach á Dun-eideann, ’sa bha ’fuireach ’sam àm sin (agus fhathast ma’s math mo bharrail) air bruaich Loch Huroin, mar bheagan mhìltean do Ghoderich; agus, gu dearbh bha e fìor-mhath. Tha Càl-a-Chruidh n’is fhaide beatha no’n t-Uinnean, agus is math an airidh air sin e, oir tha e ’na luibh anbarach feumail; cha bhi dìth no dearas air beothach sam bith aig am bi comas gluasaid am fad ’sa mhaireas e, agus ’nuair a theirigeas e, cha tig fear cho math ’na dhéigh, de na chunnaic mise. Cha cheadaich mo ghnothach dhomh eachdraidh gach luibhe ’thoirt dhut air leth, agus ’o nach ceadaich, bithidh mi ’gabhail seachad orra gun luaidh ’thoirt air tuille’ dhiubh, n’is fhaide n’a bhi ’toirt fainear, gu’ bheil iad cho lionmhor agus cho dlù ’sa choille, is nach eil feur no fochann a’ fàs ann ach luibhean amhàin, agus fiùrainean òga de iomadh seòrsa fiodha, nach fhac thu riamh, agus ma dh-fhaoite nach fhaic. [TD 94] Ach n’a saoil, air son sin uile, gur iad na luibhean tha ’cumail an fheòir as a choille. Cha ’n iad idir, bu lag an urrainn ann iad. ’Se tha ’ga chumail aiste nach eil màthair sam bith aig innte, agus ged a bhitheadh cha bu chomasach dha fàs le duillich, ach seach na h-uile ni, le dubhar nan craobh. Uaithe so chì thu nach eil freumh no fros deth ’san talamh, agus, air an aobhar sin nach ruig leas sùil a bhi agad ris gus an cur thu e; ach ma chùireas tusa e air an doìgh, agus ann san àm a sheòl sinn dut, bithidh deadh bhàrr agad deth-san ged ’dhiobradh gach pòr eile căr seusaīn thu; gidheadh na bi ’gealltuinn dhut fhein idir gu’n bi còig no sea Tunna agad air an acair, mar ’tha roinn de na Scriobhairean Gallda ’cumail a mach: Cha’n olc am bàrr, dà Thunna feòir air acair, ’san àite sin de’n t-saoghal. ’Scoìr gleadhadh tràthail ’chuir air an fheur-spealaidh ’an America los gun còdaich e’n talamh mus am fàs an aimisir ro theith, oir ma dh’ ithear lom e an tùs an t-sàmhraidh, tha teas na gréine cho mòr is gun loisgear suas e, air chor is nach bi e math air a bhliadhna sin tuilleadh. Ma chuirear gleadhadh air, mar so, ’san àm cheart, faodar a ghearradh m’an ochdamh, no air a chuid is fhaide m’an dara lath deug, de mhios mu dheireadh an t-sàmhraidh, agus ma bhitheas an aimsir freagarach air-son na-h-oibre so, ’san àm sin, faodar am feur a ghearrar an diugh, mar gu’m b-eath, a chuir a staigh a màireach. Tha [TD 95] na h-Americanaich ag ràdh nach misd e teas beag a ghabhail le shùgh fein, ach gu mìll an fhras is lugha de’n uisge no beagan uairean a thuill’ is a chòir de’n ghréin e; agus tha fhios aig gach duine tha eòlach air tuathnachas, gur beag is fhiach feur nach caonaichear mar is còir. Ma’s cruachan a nithear deth, ’scòir an grad thubhadh, oir tha ’n t-uìsge ’tighinn ro throm iomadh uair m’an àm so, agus tha ’n sìde cho ciùin, is cho blà an còmhnuidh ’na dheigh, is nach eil feur no arbhar air an druigh e nach téid a dholuidh an tiota. Ach cha ruig mi leas a bhi ’gràdh mòrain tuille’ m’an chùis so; ma gheamhraicheas am “fear imrich” beagan bhò a cheud bhliadhna, theid an “ceann-iùil” an urras gu’m bi e cùramach ni’s leòr mu chuid feòir an ath-bhliadhna gun rabhadh ach na bheir siantaidhean nàdair dha. Mu’m fàg sinn an cusbair so bithidh e freagarach dhomh ìnnseadh dhut, gu bheil feur grìnn, nadurrach a’ fàs air lubaidh iosal ri taobh aibhnichean an iomadh àite an America, agus feur garbh, làidir, air gle bheag tairbhe thall ’sa bhos feadh na coille timchioll air slocaibh agus air lòintibh; ach chomhairlichinn dhut iad so a sheachnadh agus thu ’roghnachadh an fhearainn ás am faod thu ’bhi earbsach air-son bàrra. Aon fhacal eile agus gabhaidh sinn cusbair ùr. Am feadh a dh’fhàsas dà-thunna-feòir air an acair dhuit, ’sa dh’ fhanas nàdar geamhraidh America gun atharachadh, tha mise ’saoilsin gur [TD 96] e ’m feur pòr is buannachdaile dhuit a chuireas tu ’san talamh. M’A DHEANAMH AN T-SIUCAIR. Se ’n Campa Siùcair a their muinntir America ris an àite ’sam bithear ris an obair iongantaich so, agus cha b’ uilear do neach sam bith leis am bu mhìann an campa ’chur air dòigh mar a dh’ fheumadh e, sealltuinn ri ghnothach, fada, fada roimh àm tòiseachaidh air. ’Se sin, e ’chothrachadh a mach, cò an ceart bhall is iomchaidh air a shon, a thaobh coille agus fearainn; agus an sin a choille-làir a ghearradh cho iosal ris an talamh ’sa ghabhas i agus a trusadh suas gu’ sgiobalt á’s an rathad air duine agus ainmhidh. Dh’ fheumadh so uile bhi deanta cho trà ri tòiseach a gheamhraidh, mu ’n laidh an sneachda ro dhomhainn, oir an sin cha bhiodh dòigh idir air a gearradh mar bu chòir. ’Se ’n ath rud air an còir làmh a thoirt Coireachan freagarach fhaotuinn, agus amair a dheanamh a chumail an t-sùigh. Is ann de’n Uiseann-dubh is còir iad so a dheanamh, oir is fiodh e nach mill aon-chuid a bhlăs no a dhăth; agus is buaidh chotharaicht’ eile air, nach eil e ullamh air sgoltadh leis a ghréin. Bhiodh e feumail, mar an ceudna, connadh n’is-leòir a bhi air an làraich’ gearrta—spealgta—cruachta, ann an tràth. An sin, ’nuair a thig an t-Earrach, ma- [TD 97] dheire-thall, ’sa chithear fiamh an aiteimh air aghaidh an t-saoghail mhòir gu leir, thoir an “Càmp” ort—gabh tuagh no tora—cuir beum, ann an taobh ma-dheas gach craoibh a shònruicheadh leat air-son a ghnothaich so—cuir sgŏr le cruinn-gheilb fo ’n bheum—spàrr spleatag ’san sgŏr, agus càirich amar gu h-iosal ri bun na craoibh, a ghleadhas an sùgh mar a ruitheas e sios air an spleataig. Biodh na coireacha nis air ghleus, fadaidh fhèin an teine—càirich air, seas aige. Cuir na balachain air falbh le soithichibh a ghiùlan an t-sùigh thugad—dòirt ’sna coireachaibh e—cuir goil gharbh bhuaireasach air, agus chì thu, an ùine ghearr, gu’ fàs e troma-dhonn ’san dath, ged a bha e ’na staid nàdurraich, ceart co shoilleir, agus, gun teagamh, mòran na bu ghloine no Stŭth-na-tòiseachd—leasaich ris: mar is mò ’n toit ’sè feothas na cùise—Blais, a nis, ma ’sè do thoile e, toradh do shaothrach. Feuch tha e milis! Ro-mhath, “se’foighidinn ’ni ’n t-iasgach,” lean air—Blais a ris e. Tha e dorcha-ruadh agus ni’s mìllse no dad idir a bhlais thu riamh roimhe, tha eadhoin do bhilean a leantuinn ri chéile leis—tha e nise air fàs gu math ni’s tiuighe agus deatach anbarach ag éiridh as. Ma tha, lughdaich an teine, agus bi air t-fhaicill—gabh sleaghag agus cuir m’a ’n cuairt e, a chum ’snach dòth e; agus co luath ’sa thig “goil a bhrochain” air feumaidh tu ’bhi ro chùramach uime. Bithidh e freagarach mu’n àm so, searrag bhainne no meall fala ’chuir ann, [TD 98] ’ga ghlanadh. Cha luaithe ghoileas e’n deigh so a chuir ann, n’a dh’ éireas gach grùid agus salchar a bhios ann air uachdar, air chŏr is gu faodar an t-anabas so ’thilgeadh dheth, gun a bheag de ’n t-Siùcar a chall. Beagan eile bruichidh agus faodar a thoirt bhàrr an teine. Ma tha shannt ort Siùcar-Pronn a dheanamh dheth, lean air a chuir m’an cuairt gus am fuaraich è; ach ma ’s Builionnan a tha d’ rùn a dheanamh feumaidh tu soithichean a bhi ri d’ làimh ann ’san dòirt thu e, dìreach mar gu ’m bi phoit-lite ’bhiodh agad. ’Nuair a dh’ fhuaraicheas e ’sna soithichibh, tionndadh am beòil fòpa agus crath ásda e, mar is àbhaist do bhean-an-taighe ’dheanamh air an fhìodhan, an àm ’bhi ’toirt as na mulachaig. Tha fhios agad fhein gu’ bheil an siùcar ’na rud cho milis is nach àil le daoine dealachadh ris gun ìmlich an corraig ’bhi aca dheth. Saoilidh mi gur leòr an leisgeil so dhomhsa gu fuireach aige an tràs gus an innis mi dhuit ciod is còir dhuit a dheanamh ris ’nuair a ghiulanas tu dhachaidh e. Ma ’smuainicheas tu ’chuir an cobhan no’m baraill ’ga chumail o’n chloinn agus o’n t-searbhant, (nì tha glé dhuilich a dheanamh iomadh uair, oir tha tiolpadairean cheart cho tapaidh ’an America ’sa tha ’n Albuinn) thoir an aire nach fhàg thu fada e an àit àitidh, fuar, air-neo taislichidh agus sruthaidh é às a chéile. Cha mhò a dh’ fhaodas tu a chàramh an àite ro theith fagus do’n teinntein ar-neo leaghaidh e ’n [TD 99] sin cuideachd. Se ’n eadar-mheadhoin a choìrdeas ris, tha e ro choltach ris an nàdar againn fhéin, cha ’n fhuiling é aon chuid fuachd no teas. MU FHEUDAIL. EICH. Cha b-aobhar ioghnaidh, air dhòigh sam bith, ged a bhiodh America air dheireadh fhathast air an t-sean-dùthaich an car feudalach. Ach ged is ann mar sin a tha chùis, ann an cuid, cha ’n ann, ann an cuid eile. Cha ’n eil duine de ’na Sgriobhairean Gallda ’chunnaic eich America; ’se sin ri ràdh, duine dhiubh aig an robh eòlas air feum eich, feothas eich, agus maise eich, nach tug gu làn-dheònach an t-urram dhoibh, thairis air na chunnaic iad, agus air na bha sùil aca ri fhaicinn mar an ceudna. Ach ged a tha iad ’nan cùis-annais dhoibh-san, aig meud an tapaidh agus an cruadail, cha ruig iad a leas a bhi ’n sin do’n a Ghael, gu sònruichte ’nuair a chì e nach eil càil bheò de dh’ atharachadh orra, bho na ghreigh Ghaelich a dh’ fhàg e air cùl-thaobh mheall nam fuaran. Tha iad ’nan eich mhatha da rìreadh, agus ’nan làn-dearbhadh air firinn an t-sean-fhocail, a thuirt, “Molaidh an t-each math e féin.” Is ann ri linn domh am faicinn a thuig mi meud [TD 100] na diobhalach a rinn na Gaeil, ’nuair a choimisg iad rogha nan greigh a bh’ aca féin leis na h-eich ludarra, mhall, a bha iad a’ faotuinn o dheas. Tha na h-eich mhòra ni’s freagaraiche, gun teagamh, mu làimhrigenn bhailtean, far am bi luchdanna troma ’dol orra agus a ghràisg, air an àm cheudna, cho lionmhor roimh an sròin, is nach fhaigh iad căs is luaithe no chéile thogail; ach ciod a ghabhas earbsadh ásta feadh gharbhlach ’us bhoghlach ’us bhrudhach? Tha na Canadaich an diugh cho dian ’s is urrainn doibh, a’ milleadh an cuid fein air a cheart dóigh; a’ toirt a null phluitearan mòra each á Sasunn, a leasachadh an t-seòrsa th’ aca, mar tha an dùil; gun chuimhne idir ac’ air gu’m bheil e air a ràdh, “is tric a bha tomad mòr de cheann amadain.” Ach cha neil an fheadhainn Ghallda air sgaoileadh, uile gu léir, feadh na dùcha fhathast. Cha mhòr diubh a chithear shuas an Canada Uachdrach, agus cha mhò’ tha bheag dhiubh aig na Frangaich ’an Canada Iochrach; ach na h-aon ghearrain, is laghaiche, agus is tapaidh, a dh’ fhaodadh a bhith. Cha ruig mi leas a bhi ’g ìnnseadh an coslais. Cha neil aiteal atharachaidh orra bho na h-eich Ghaeleach, ach gu’m bheil iad neo-ni bheag ni’s bioraiche san t-sròin agus rud-éiginn ni’s luime, chruaidhe ’sna casan; agus tha mi a’ saoilsinn gu’m faodadh iad sin uile ’thoirt o nàdar tioram na dùcha ann sam bheileas ’gan àrachadh. Is e reusan a th’ agam airson so a smuaineachadh, nach eil eilean, gleann [TD 101] no sgìreachd, de dh’ fhearann tioram is aithne dhomh, ’an Albainn no’n America, nach eil a luchd àiteachaidh eadar dhaoine agus ainmhidhean ni’s moguiche, bhuige ’sna h-aobruinnean, agus ni’s smutaiche, leithne ’sna sròinean, no tha an nàbuidhean a tha ’tuineachadh air fearann tioram. Agus ma ni sin orra e aig an taigh, cha neònach e ’ga dheanamh air eich Chanada; “Oir cha ’n e ’m fraoch is innis doibh, No firichean nam beann.” Tha ’n fheadhainn dhiubh, a tha’ mach an còmhnuidh, aig na h-Innseanaich shuas air an St Clair, ro bheag uile gu léir, cha neil oirlich orra os-ceann nan each beaga tha ’n Uibhist; ach tha eich na tuatha mu thuaiream ceithir duirn dheug air àirde. Cha ’n ann ag oibreachadh aon fhir dhiubh so, air thaod, ’an cairt a bhitheas iad; ’s ann a bhios càraid diubh aca còmhlath ann an feunaidh cheithir roth, le aona-mhaide caol, ris an can iad teangaidh, on fheunaidh suas eatorra, agus e air a nasgadh r’am muinealaibh. Co luath ’sa chuirear an uidheam orra, ’sa gheibh iad a chaismeachd is lugha, tàiridh iad ás ’nan garbh throtan, agus ri nì no neach cha seall iad, ach sineadh cheart da rìreadh air na bhios romhpa ’chuir ’nan déigh. Is comath leò bog no cruaidh, fliuch no tioram; am fodha no ’n uachdar ’gam bi iad, cha ’n allsaich iad eang ach mar a chuireas am feunaidh’ear maille orra. Ged a dh’ fheuchadh iad ri falbh socrach, mar a [TD 102] bhios na h-eich an so a deanamh, cha baithne dhoibh; oir ’se ’n trotan a th’ air ionnsuchadh dhoibh an toiseach, agus cha neil eòlas ac’ air atharachadh. Ach ged a shiùbhlas iad gu math, agus gu ro-mhath, air talamh dubh, cha neil iad ’nan culaidh-ioghnaidh uile gu léir, air son an astair, gus an tig sneachd a gheamhraidh. ’Se seòrsa de chùirnn-shlaodaidh a bhios ac’ orra ’san àm sin, agus aig cho soirbh is a tha iad ri tharruing, air an t-sneachda, coisichidh iad astar is gann is urrainn do neach a chreidsinn, n’is lugha no bhiodh barail aige mu fheothas stutha nan gearran. B-fhiosrach mi iad a dheanamh trì fichead mìle ’san latha, uair agus uair, anns an aon nàbuidheach rium, agus, sin, air anacothrom ni’s leòr a thaobh bidh. Agus chunnaic mi roinn diubh a’ deanamh an astair sin fo dhiollaid eadhoin ’nuair a bhitheadh na roidean gu h-olc as t-earrach, agus daoine troma, feòlmhor ’gam marcachadh. Bithidh e freagarach dhomh a thoirt fainear ’san aite so, gu’m bi iad a’ dol air thurasan beagan iomadh uair sa’ gheamhradh, le aon each amhàin, ann an carbad-làir beag ris an can iad cutter. N’am biodh seòl idir aig an fhear-imrich air, bu chòir dha oidheirp a thoirt air lothaig bhig, le aon diubh so, fhaotainn an ceann bliadhna no dhà an déigh dha ruigheachd; oir chaomhnadh i mòran ùine dha, aig cho tapaidh is a dheanadh i turas do’n fhéill, do’n cheardaich do’n mhuileann, agus mar sin sios, agus is i ùine rud is measaile aig tuathanach ùr ’an sin de ’na [TD 103] bhios aige. Tha fios gu’ bheil aon each cho doirbh ri gheamhrachadh ’an sin, ’sa tha cuing dhamh, ach ged a tha, ma ghabhas am fear imrich comhairle, agus am fear a chur ’na thràth bithidh rud aige ’bheir each troi’ ’n gheamhradh an ùine ghoirid; agus, a thuileadh air fheum a bhi aige, faodaidh e ’bhi ’g àrachadh beothaich uaithe. Ma’s àil leis each a bhi aige dha fhèin, agus each ri sheachnadh ’nuair a bhios foineachd orra, cuireadh e am feur ’na àm: am feur, am feur, seach na h-uile ni; am fear tha ’cuir roimhe nach cuir e fras an fheòir ’na àm, na biodh e a’ dol a dh’ America. ’Se o leth cheud, gu ceithir fichead dolar, a chosdas each math tuatha ’an Canada. Gheibhear còig bhliadhnach làire, cho math is a dh’ iarradh neach fhaicinn, o cheithir fichead gu ceud dolar. Ceannaichear dronnanach math beothaich o ’na h-Innseanaich, mu’n St Clair, iomadh uair, air fhichead dolar, no theagamh air chòig deug, ma bhitheas iad an iomsgobadh chion airgid; ach cha bhi iad sin air an catadh, no air an oileanachadh, ach cheart cho fiadhaich ri meanna bhoc earba. Togaidh gobha ceithir dolair air-son àlach chruidhean a dheanamh, agus a chuir air each, ann an Canada. Saoilidh tuathanach Gaeleach gu’m bheil sin tuilleadh is daor, agus tha e daor ann cuideachd, ach ’na dhéigh sin, cumaidh n’is lugha argid cruidhean bliadhna air each ’an Canada no ’sa Ghaeltachd. ’Se is cion fàth air sin cho saor ’sa tha ’n talamh o chlachan, agus [TD 104] cho buan ’sa tha gaillion a gheamhraidh; oir ni na h-aon chruidhean o shamhuinn gu bealltuinn, ma bithear ’gan ceartachadh, an tràs ’sa rìs, air an casan. Tha asair glé dhaor ann, ach cha ghabh sin leasachadh: cha fhreagradh an seòrsa tha bhos ged a bheirt’ a null i. CRODH. Ma tha eich America cosmhuil ri eich na Gaelteachd, cha’n è sin do’n chrodh e. B’fhada o chéil’ an dà shean’air. Tha iad so fad-chasach, sleamhainn, lòm—dà leis thana ac’, agus iad fosgaoilte á ’n gobhal, cha mhòr, gu ruig an cruachainnean. Tha amhaichean fada, caola, grinne ac’; ach neo-ar-thaing mur eil an sròinean cho fada riutha; agus cha’n é am meadhan a bheag is giorra. Ach nach comath sin: fàsaidh iad gu gasda ’nuair a gheibh iad deadh chothrom; agus bithidh linne anbarach bhainne ac’, de’n t-seòrsa ’bhios ann. Ma sheachnas mi an dăth dubh, cha’n eil dath eil’ a chunnaic mi air crodh nach ’eil orra, agus dà dhath dheug, tha mi ’smuaineachadh, nach fhaca mì; ach dh’fhaodadh neach dà cheud mìle ’shiubhal mus am faiceadh e aon chlaigionn a bhiodh glan dubh—’se sin, de cheithir-chasach. Airson daoine, gheibhear lionmhor ni’s leòr dubh iad ann an Canada. Aig mar a tha cead-an-coise aig a chrodh feadh na coille an sin fad an t-samhraidh, tha laoigh mar is trice aig na h-aighean ’nan dà-bhliadhnaich; agus tha sin ’cuir mì-mhaise mhóir orra. A bhar- [TD 105] rachd air gum bheil e ’milleadh am fàis, tha e ’milleadh an cumaidh, agus gu h-àraidh an adhairc; oir chìthear adharc cho àlluinn air cuid de na daimh is a dh’iarradh neach fhaicinn, am feadh nach fhaighear air a chrodh-laoigh ach scrogagan beaga, geala, mu mheudachd adhairc shnaoisein. Tha mi ’saoilsinn gu’m bitheadh iad na bu ro fhearr air a bhainne, mar b’e sin, cuideachd; oir tha e nàdurrach ri ’smuaineachadh gu’m bheil an rud a tha ’cuir deireis orra ’san dàrna cuid, ’ga dheanamh ’sa chuid eile mar an ceudna. ’Se o chòig dolair dheug gu fichead dolar a chosdas bò-laoidh an sin toiseach a gheamhraidh; ach cha cheannaichte a bhò a chosdadh an uiread sin toiseach a gheamhraidh gun o chòig ’ar fhichead gu deich thar a fichead deireadh an earraich. Theagamh gun ceannaichte agh beag, le laogh, air chòig deug, eadhoin ’as t-earrach; ach cha ruigeadh leas sùil a bhi aig neach gun còbhradh e mòran air a theaghlach a bhliadhna sin. Cha’n fhaighear cuing dhamh a bhios làn ionnsuichte, agus an tréin an neirt, fo thrì fichead dolar, agus cha ruig leas dùil a bhi aig neach ris an rogha aca fo cheithir fichead; ach ceannaichear cuing de thrì-bhliadhnaich laghacha, gun ionnsuchadh, air dhà-fhichead ’s a còig-deug; dà-bhliadhnaich, o dheich ’ar fhichead gu dà-fhichead; bliadhnaich, o cheithir-deug gu ceithir ’ar fhichead; agus gàimhne, o dheich gu còig-deug, a chuing. Ach ged a gheibheadh am fear-imrich gach seòrsa a [TD 106] dh’ainmich mi air leth-féich, cha bu chòir dha ’bhi brais g’an ceannachadh car bliadhna no dhà ’an toiseach. Tha feudail a gheamhrachadh ann an Canada ’na ghnothach trioblaideach, agus tha a bhi ’gan call ’as t-earrach ’na nì cho doranach is a dh’fhaodadh tachairt ri neach. B’aithne dhomh na ficheadan a chaill an saothair, ’s an ùine, agus an cuid, air an doigh so—daoine farmadach, aig am biodh beagan airgid a’ tòiseachadh, a’ strìth a dh’fheuch is am faigheadh iad an inntinnean àrdanach fhéin a riarachadh, agus barrachd a bhi aca no bhiodh aig an nàbuidhean ach, an àite sin, ’sann a dh’arsluicheadh an dà chuid orra, agus chunnartuicheadh iad ’bhi na bu mhiosa na ’bhi falamh. Ach ’se dòigh is fhearr do’n neach leis am b’àil soirbheachadh ’sa chùis so, beagan a cheannach an toiseach, agus a bhi gu math riutha, agus cha’n fhada bhios iad a’ fàs lionmhor. Faodar a thuisginn gu’ bheil a choille ’na h-àros math ac ’san t-sàmhradh, ’nuair a tha laoigh ac ’nan dà-bhliadhnaich; agus ged a bhitheadh a ghaillionn buan, mur biodh aig duine ach beagan diubh, cha bhiodh iad fuasach duilich ’chumail suas, aig feothas na culaidh a bhios orra mu Shamhuinn. Tha barrach nan craobh [?] seise ro mhath dhoibh; ach dh’fheumadh an gearradair a dheadh aire ’thoirt nach tigeadh beothach fo’n chraoibh a bhiodh e ’leagadh. Chunnaic an “Ceann-Iùil” a bhi ’cuir an smior ’s an eanchainn aca ’na chop air an t-sneachda, le cion faicill, air an dòigh so. Tha crodh àrachadh [TD 107] ’an sin, air aon dòigh, dìreach mar a tha e air a Ghàelteachd. Am fear a chumas beagan diubh, agus aig am bi am pailteas doibh, siolaichidh iad ann an ùine ghoirid dhà; ach am fear a ghleadhas tuilleadh is a chòir airson na bhios aige m’an coinnimh, ni e barrachd air seicean ’s a ni e air feòil. Tha fichead galar buailteach do’n chrodh chaol ann na Canada, agus tuille’ ged a theirinn e. Tha’n galar adhairc ann. Tha e so ’tarmachadh cho fagus do’n eanchainn, is nach cùis-shùgraidh e, dìreach ’an teas-mheadhon an slabhaig—far nach cluinn agus nach fhairich duine e, gus am faic e droch thuar air an ainmhidh a bhios a’ fulang leis. Agus is iomadh uair a tha e ’dol fad air aghart, mus an toir muinntear nach bi eòlach air an aire dha; agus ged a bhiodh iad eòlach air, mur bi iad sicir agus glé bheachdail air gnàths spréidhe o’n òige, faodaidh e ’n căr ’thoirt ást’. Saoil thu cuin a smuainicheadh am breabadair beag, odhar, ’theid a null á Glaschu, gu’m biodh dad ’cuir air a bhoin aig, am fada is nach biodh càil ri fhaicinn air dhochair oirre, an taobh a mach de’n t-slabhaig? Ach ’se rud is còir do’n fhear-imrich a dheanamh, ma bhios teagamh aige mu’n bhoin, e ’bhreith air adhairc oirre; agus ma bhios an galar ’san adhairc sin, gheibh e, gu h-inbhe bhig i, cheart cho teith ri buntàta a phiocadh e ás a phoit, ’nuair a bhiodh i ’n àird ’na goile. Ma’s ann mar so a bhios a chùis, tilgeadh e thairis i air cìrein a droma, agus tolladh e taobh fòi’pe na [TD 108] h-adhairc le gimleid ghairbh. Leigeadh e ’n sin air a cois i, agus silidh an t-iongar a bhios na broinn a mach air an toll. Cuireadh e ri làr an sin a rìs i; agus gabhadh e làn cuaiche de shalann mìn, agus de spiosradh air a dheadh mheileadh, agus séideadh e troi’ chalpa ite ’staigh do’n adhairc e. Deanadh e so uile ’an ùine cho goirid ’s is urrainn da, agus gabhadh e aice le bréid, ’ga fosgladh an ceann a h-uile seachdain car mìosa, agus cha tig dad rithe. Tha galar eile buailteach do’n fheudail an sin, ris an abair iad an “galar-earbaill.” Tha e so a’ tàrmachadh ’san earball, air a cheart dòigh air am bheil am fear eile ’san adhairc; agus mur gabhar aige ann an tràth, cha’n é mhàin gu’n cnàmh e ’n t-earball, ach fòdhnaidh e do ’na chorp mar an ceudna. ’Se dòigh is fhearr air so a leigheas, sgar a chuir ’san t-seice, agus na nitheanan a dh’ainmich mi roimh a thaosnadh ’an ceann beagan de bhlonaig muice, agus cuibhrinn de ’na stuth sin a chuir ann; ach ma bhitheas mìr mór de’n earball ’na chochull fàs, aig fhad ’sa bhios an galar air dol air aghart ann, ’se seòl is cìnntiche air, an sgian-dubh a ghabhail, agus a sgaradh o’n choluinn. Fòdhnaidh so a leigeadh fhaicinn do’n fhear-imrich gu’m bheil iomadh galar buailteach do chrodh ’san dùthaich ùir, cho math ’s an àitean eile; agus cha’n eil mi ’n dùil gu’m bheil sin ’na aobhar-ioghnaidh, far am bheil feudail a’ laidhidh ’mach, ’an iomadh àite, o Shamhainn gu Bealtuin, gun ach fuigheall na cònlaich a gheibh iad mu [TD 109] fheasgar eadar iad ’san sneachda. Tha muinntir na Gaelteach a’ saoilsinn nach gabh beothach idir geamhrachadh a mach ann an Canada; ach cha’n ann mar sin a tha. ’Sann cha mhór gu’m bheil iad a cròthadh gin diubh ’an àiteachan ùra. Bithidh iad an sud anns an iomal is fhaisge air an taigh de’n choille, gach beothach air dol ’na chuairteig chruinn ’na leabaidh fhéin; agus á sin cha charaich e gu maduinn. ’Nuair a ghluaiseas e, leigidh an sneachda foidhe, agus mu’n cuairt da, gaoir ás a chuireadh crith air cladhaire. Bithidh cluigein deighe an crochadh ri shròin, agus an t-aona bhrata de shneachda cruaidh a’ còdachadh a dhroma agus a chuim gu h-iomlan. Ni e osnadh, agus crathaidh se e féin; ach ma chrathas, ciod e mar a bhios an sin!—falbhaidh roinn de’n lic mhóir bharr na droma aige, agus tuitidh an deighe o’n t-sroin aige, agus bi’dh an fhuil ’na déigh. Ach ged a nochdas an fhuil, cha bhi e ’an cunnart a bheag a chall d’i: mus an abradh tu seachd, bithidh i cho cruaidh ri gréim eile de’n t-sròin. Agus nach gnothach iongantach gu’m fàs crodh ann an Canada air an diol sin? agus cha’n e sin, ach gu’m fàs iad gu math cuideachd. Bha an neach tha ’sgriobhadh so mu’n cuairt air ceithir-bhliadhnach daimh a mharbhadh agus itheadh, anns na Huron Tract, nach robh a riamh staigh air dorus, agus nach d’fhuair uiread ’sa dheanadh nead circe de chònlaich a cheud dà bhliadhna; ach, an déigh gach éiginn ás an d’thàinig e, a chothromaich deich [TD 110] ceud punnd agus a seachd—’se sin, eadar gheir, fheòil, agus leathar. Ach mur d’fhuair an damh ruagh bile feòir no cònlaich, is iomadh meangan sùghar de bharraich a chroinn-shiùcair, agus slige mhath shalainn, a chaidh ’na shlugan. Is fhior e: bi’dh iad a’ toirt salainn do’n fheudail ann an Canada. Bithidh iad a’ toirt salainn do gach seòrsa feudalach, ach na mucan a mhàin. Bheir iad an còmhnuidh do na h-eich e, uair ’san t-seachdain; agus do na chrodh ’us do na caoraich dà uair ’san t-seachdain. ’Se mu thuaiream làn spàin-bhrochain a gheibh bò cò’lath dheth, agus mu thuaiream làn spàin-tea a gheibh caora. Tha spréidh Chanada cho sanntach air an t-salann, is ma bhios neach deònach sealladh fhaotainn de na bhios mu’n cuairt dà dhiubh feadh na coille, nach ’eil dha ach seasamh air ionad àrd, agus a dh’éigheachadh, “Cow-salt, cow-salt, cow-salt;” agus tionailidh iad co ealamh timchioll air, is a chruinnicheas na cait mu’n bhanaraich, ’nuair a ghlaodhas i, “Pusaidh, pusaidh, pusaidh,” an déigh tighinn a staigh o’n eadradh. Tha e ro choltach leam nach deanadh an crodh, gu h-àraidh a chùis gun salann ann an t-sàmhradh. Tha na luibhean co maoth, agus co bog ruitheadh, is nach bu chomasach doibh a bhi suas orra, ás eugais rud-éiginn a theannaicheadh agus a neartaicheadh an goile. Ach, air an làimh eile, tha mi a’ saoilsinn gu’n deanadh na h-eich, agus na caoraich a tha air glas-fheur curta, an gnothach ’ga dhìth, Air a shon sin uile, cha’n eil teagamh [TD 111] nach fheaird na h-uile cuid diubh e, cha’n é mhàin ’an sin, ach ’an so mar an ceudna; agus ’nan cleachdta dhoibh ’an so e, bhiodh iad déidheil ni’s leòr air cuideachd. Leasaichidh an salann càil beothaich, agus fàgaidh e coidheas e gus gach nì thig ’na ghar itheadh, agus neo-sgrubail mu leòr òladh—rud tha ’n ghnà ro mhath do dh’ainmhidh, an déigh dha fodar fhaotainn. Cò-dhiù, feumaidh iad fhaighinn, air na h-uile cor, ann an Canada am feadh is beò iad; ach aon uair is gu marbhar iad, cha’n eil iad ro chosdail air; oir co luath ’sa bheirear an grealach ás a mhart-gheamhraidh, faodar a tasgaidh tuille’ gu ceithir latha deug an déigh na h-inide gun aon unnsa salainn a chuir oirre. Tha so na nì ro ghoireasach cuideachd, oir tha ’n salann cho àrd ann am prìs ri seachd dolair am baraill ann an roinn de Chanada; agus o’n a dh’fhanas an fheòil ùr fad a gheamraidh, is caomhnadh mór e. FARBHASAN MU CHRODH. Is iomadh dath a th’ air a chrodh ’an America, agus nach beag an neònachas sin? agus is iomadh atharachadh cumaidh a th’ orra, ach co a ghabhadh iongantas ri sin uile, agus a liuthad dùthaich agus rioghachd ás an do shaodaicheadh a null iad? Bannasch an gnothach mur biodh atharachadh datha agus cumaidh air daoine ’an Canada, far am bheil roinn ás gach rioghachd a dh’ fhaodainn ainmeachadh; agus cha be ioghnadh car bu lugha, mur biodh an crodh air an dòigh cheudna, is [TD 112] gu’n deachaidh an aisigeadh an á caochladh shiorachdan de Shasunn agus de dh’ Eirionn, á Galldachd na h-Alba, agus ás an Fhraing, agus á iomadh àite eile, nach ceadaich mo ghnothach dhomh ainmeachadh. Tha so uile ro mhath, ach an d’thugadh ann iad ás an àite cheart fhathast; se sin, an d’ thugadh ann an sèors is freagaraiche, anns gach seadh, air-son na dùcha? Cha d’ thugadh, ma ta, agus cha tabhair, gus an iomainear a null “buaile mhaiseach” de ’n t-seòrsa, ris an abair na Goill, na “West Highlanders.” De gach gné chruidh a chunnaic mise, cha robh ’na measg gu léir, gin a fhreagradh ’an Canada cho math riuthe-san. Agus cha neil mi idir gun leth-bhreac ’sa bharail so; oir cha neil tuathanach an sin, do ’n aithne an crodh Gaeleach, agus na deadh bhuaidhean a tha gu nàdarrach fuaighte riù, nach eil iomadh uair a’ caoidh nach robh iad aca; gu sònruichte, ann an àm na duldachd. Se ’n t-aon nì a tha ’cuir eagail air cuid umpa, gun stadadh mòran de ’n t-sneachd orra, aig cho pailt is a tha iad de dh’fhionnadh; ach cha tig an latha smuainicheas neach sam bith so, ach muinntir nach eil eòlach air a bhi ’geamhrachadh a chruidh Ghaelich am mach. Leigidh mi so a dh’ fhianuis air gach duine ’bheachdaich air, agus am fear nach drinn sin gabhadh e beachd fhathast air, agus ma chì e fichead ceann cruidh de sheòrsa ceart Gaeleach air aon sliabh, ri latha cur-’us-cathaidh, agus aon bheothach lom, caol, Gallda còmhladh riuithe. [TD 113] Tha mi ’g ràdh, ma chì; agus nach bi h-uile ceann de ’n fhichead, gu sgrideil, spreigeil, sundach, gun lòineag shneachda osceann nan speir aca, agus an t-aon bheothach dis, meat ’na sheasamh ’us crùib air, le chùl ’san t-sìne, agus aona bhrata sneachda ’ga chòdachadh o adhairc gu earball, canadh e nach eil sgil aig a Cheann-Iùil. Mar so, tha e soirbh ri thuigsinn, gu’m freagaireadh an crodh gaeleach, ’an ceann tuath Americh ni’s fhearr no seòrsa sam bith eile, oir sheasadh iad ris an fhuachd na b-fhearr, bhiodh iad na b-usa’ bhiadhadh, bhiodh am feòil ’san leathar na b-fhearr, bhiodh na daimh dhiubh na bu chruadalaich agus n’a bu treasa aìr-son oibre, agus shiùbhladh iad mòran n’a b-fhearr air an rathad, ’an àm a bhi ’dol le siol do’n mhuileann, agus mar sin sios. Bhiodh iad tapaidh, sgairteil, a dhol feadh nam preas agus nam boglach a staigh ’sa choille, agus bhiodh an crodh mòr dhiubh clis, colgarra, catharra, gus na laoigh, agus na gàimhne, theasraiginn o na math-ghamhainnean agus o n a madaidh-alluidh: dà ghné fhiadh-bheothach, a tha ’deanamh mòr dhiobhalach, iomadh uair an sin, air spréidh. Ach is beag sin de ’na buaidhean a dh’ fhàg freagarach iad airson na dùcha m’a bheil sinn a’ labhairt, n’am bitheadh rùm agus ùine againn gus tuille’ dhiubh ainmeacadh; ach cha neil sin againn, agus o nach eil, bithidh sinn a’ gabhail thairis orra. Tha sàr-fhios agam, gu’n can cuid, nach eil iad math air a bhainne, agus mar [TD 114] dhearbhadh air sin gu’n comharaìch iad a mach duinn na tha ’dol de chrodh gallda gu tuath, h-uile sàmhradh agus foghar. Gu’ bheil crodh gallda ’dol gu tuath, tha sinn ag aideachadh agus gu’ bheìl (aìr dhòigh) tuilleadh is a chòir diubh a’dol ann, cha neìl sinn ag àicheadh; ach nach eil an crodh gaeleach ro mhath air a bhainne, cha chreid agus cha’n aidich sinn. Cha neil sínn ag ràdh, gu’ bheil a h-uile crodh gaeleach math air; ach tha’ n seòrsa ceart diubh math agus ro mhath air. Agus cha mhò tha sinn ag ràdh, gu’m bi uiread dheth, aig an seòrsa cheart fhéin, is a bhios aig a chrodh ghallda, no gu’m bheil iad idir cho freagarach air son a bhi ’an nàbuidheachd bhailtean mòra, far am bheileas a’ reiceadh a bhainne ’na luach a bhuinn-a-sia; ach their sinn gu’ bheil na bhios aca cho math; gum bi tuilleadh uachdair air, gum bi barrachd ime agus càise ann, agus an rud nach cum suas dà bhò ghallda ach éigneach gu leòr, gun cum e suas trì ghaeleach gu cothromach. Ma ghabhar gach nì dhiubh so gu smuaíneachadh, tha e soirbh ri bhreithneachadh gur iad an crodh gaeleach an t-aon seòrsa bu chòir ’thoirt a null, agus cha bhitheadh e ro dhuilich an toirt ann cuideachd. Gun fhios nach tig mo shaothair gu làimh fir-éiginn, a bheir gu buil, an ni mu ’n robh mi fhéin iomadh latha a’ bruadaradh, tha mi los farbhas no dhà fheuchainn mu’n dòigh tha mi a’ saoilsinn a b-fhearr thuige. On bhiodh an dragh aig neach bu choìr dha an tairbh a bhi [TD 115] aige; se sin, an seòrsa b-fhearr air an cluinneadh e iomradh ’thoìrt leìs, leithid na feadhnach a chleachd mi fhaicinn air féill na h-Eaglais Bhric, a bhiodh a’ tighinn a Colonsaìdh, no an seòrsa ainmeil th’ aig Domhnullaich Bochuidìr, no idir seòrsa nan Stiùbhartach ’an Inner-Sgathadail, is dòcha leam nach iad is tàire, oir chleachd mi a bhi ’leughadh ’sna paipeirean, gun robh iad a’ buidhinn nan geall aig deuchainn mhòir bhliadhnail na h-Alba. Dh’ fhòdhnadh do neach tri chìnn; se sin, dà ghamhainn aighe agus gamhainn tairbh. Cha ’n fheumadh iad so uiread fhodair ri crodh mòr, agus bhiodh iad na h-usadh làimhseachadh aig fairge, agus an déigh dhol air tìr thall. Dh’ fhòdhnadh beagan feòir agus buntàta fad na slighe dol a null, agus nuair a bhiodh iad thall aon uair cha b-eagall doibh, oir thaisbeanadh na h-uile duine fiachail caoimhneas do neach a bhiodh an ceann gnothaich cho urramach ri bhi ’toirt seòrsa ùr cruidh a staigh do’n dùthaich. Dh’ fhaodadh neach rìs ceithir dolair a thogail air-son gach bàtha thigeadh dh’ ionnsuidh an tairbh, agus cha neil fhios agam nach cuireadh Comunn Gaeleach Mhontreal agus Qhuebec urram follaiseach air, air-son a shaothrach. Ged ’tha sinn a’ bruidhinn air so uile cha neil fhios an tachair e am feasd; ma thachras, bithìdh crodh America, ceud bliadhna ’n déigh sin, cheart cho ainmeil ’sa tha a h-eich an diugh. [TD 116] CAORAICH. Cha neil de na caorich mhòra ’an Canada gun ruig sinn leas a bhi fada ’dol thairis orra. Ach beag is mar a th’ann diubh, tha iad gle dhraghail. Ged nach eil iad a’ milléadh an cloimhe ’gan smiùradh, no ’call an ùine ’gan lomadh; cha’n fheum iad an diochuimneachadh aon òidhche, no ma dhearmaideas, cha chuir pàirt diubh an dragh ceudna rìs orra. ’Se chunnaic so mise aon uair ann ’sna Huron Tract. Bha duin’ uasal, spreigeil, an t-sin a chaidh ’null á Eilean uaine Phàdruig, agus chunncas iomchaidh leis prasgan chaorach a cheannachadh. Thug an sonn dhachaidh an treud, agus dh’ iomain e staigh do phairce bhig a bha dlùth air an taigh iad. Ma chiaradh an anamoich, air do fhear-astair éiginn ’bhi ’gabhail na slighe, agus a’ faicinn nan caorach ag ionaltradh air iomall na faiche, dh’ fheòraich e dheth, an robh guth aige air an treud a chuir a staigh. “Cha neil dùil agam gu’m bi mi aig an dragh,” ars’ easan, “cha neil duine de ’na pàpanaich a’ fuireach mar dhà mhìle dhomh an so.” Cha robh an duin’ uasal so ach air ùr dhol a mach á Eirionn, agus bha e, mar a dh’ fhaodar a thuigsinn o chainnt, ’na bhall dannarra de ’na bhuidhinn ris an can iad Orange-men ’san dùthaich sin. Shaoil leis, uimesin ’nuair a fhuair se e féin a thearbadh an t-astar a dh’ ainmich e, o’n bhuidhinn a dh’ ainmich e, nach cuireadh nàmhad saoghalta [TD 117] miothlachd am feasd tuilleadh air. Air do ’n fhear astair, a bhi pòsd air mnaoi stalcanta anns an robh coimeasgadh de ’n droing eile, ghabh e snoigeas beag oilbheim, air-son mar a fhreagair se e, agus thair e ás. Ghabh mo dhuin’ uasal a staigh agus thug e’n leabaidh air. Chaidil e gu sàmhach, suaimhneach. Dh’ éirich e ’sa mhaduinn, agus bhuail e mach. Sheall e ris an lombar air an d’ fhàg e an treud, ach ma sheall, ciod e theireadh e, ’nuair nach robh sion saoghalta aige ri fhaicinn, ach peallag no dhà chraicinn, agus bruanan beag chnàmh? Thàinig na madraidh-alluidh air an òidhche agus thug iad an dosgainn so gu léir air, agus cha neil fhios agam a’ bheil caora moch an diugh ag éiridh aig. Tuigidh am fear imrich o’n a ghearr-sgeul sin cho cùramach is a dh ’fheumar a bhi mu chaoraich ann an Canada. Is éiginn an cuir a staigh na h-uile òi’che, agus gun an leigeadh idir, a latha no dh’ òidhche, do’n choille. ’Se ’n seòrsa-maol-bàn a th’ ac ’an Canada Uachdrach, agus ’se sin seòrsa is freagaraich’ ann, o’na tha ’n olainn cho math orra. Agus is ise dh’ fheumadh a bhi gu math, is iad ’ga reiceadh air leth- dolar am punnd. ’Si a chloimh mòran is daoire ’ga réir fhéin no ’choluinn; oir ceannaichear caoraich ann, toiseach a’ gheamhraidh, mu dhà dholar. Ach nach bi sin am pailteas mu’n àm sin, is nach fhaigh iad bile, car ceìthir no còig a mhiosan ach biadh làimhe? Cha neil galaran buailteach doibh ann. Cha chluinnear guth air claimh, bracsaidh no [TD 118] ceanna-ghalar. ’Se an cumail o na fiadh-bheathaichean rud is cigilltiche ’tha mu’n cuairt doibh; ach ’se an aon dòigh air sin, an cuir a staigh air an òidhche, agus gun an leigeadh fad ás an t-sealladh air an latha. An tuathanach ùr leis an b-àil caoraich a bhi aige, ’se ghnothach feur a chur ’na àm; cha neil seòl idir air iadsan a chumail gun ghlasfheur. MUCAN. “Gach diùbhaidh gu deireadh,” thuirt an sean-fhacall; agus cha b fhearr a thuirt an sean-fhacall sin, no a chum na Gaeil suas e. Chaidh a chumail suas gu math gun teagamh, ach ma chaidh, b-ann tuilleadh is tric air cosdas a bheothaich ghasda, fheumail, so; eadhoin air cosdas na muice. Ni a h-uile ni ’n gnothach ’na latha agus ’na àm fein, agus b-amhuil a rinn sin, ach an dean e ni’s fhaide e? cha dean, da rìreadh; oir am fear tha ’cuir roimhe nach toir e cothrom na féinne do’n mhuic, am fad is beò i, agus a cheud àite suidhe, air a bhòrd, an déigh a bàis, eadhoin air di-haoine, cha chòir dha dol a dh-America, a dheanamh dìmeis air maitheas an fhreasdail, a thoirt tàmailte do’n mhuic, agus oil-bheim d’a cho-chreutaraibh. ’Si a mhuc rìgh nan ainmhidh ann an America; beò ’us marbh. ’Si a mhuc a cheud bheothach is éiginn do’n tuathanach ùr fhaotuinn, agus beothach mu dheireadh ris an fheudar dha dealachadh. ’Si a mhuc a cheud ainmhidh ann ’san cuir e mach a [TD 119] chuid airgid; ’si gu dearbh, ach ciod a choire tha ’n sin? nach i fhein a cheud aon ás an cuir e airgiod, agus ás an cuir e ’chuid fhéin tri-fillte cuideachd? An tuathanach a tha gun mhucan ’an America, cha mhòr is fhiach e; is duine gun tùr e, is fear-taighe gun fheum e; agus is droch nàbuidh e. Soilleirichidh mi so fo thrì chinn. Is duine gun tùr e, oir tha e air a dhalladh le claoin-bhreath an agaidh nam muc, air dhòigh is nach eil a dhroch nàdur a leigeadh leis aideachadh no chreidsinn, cho feumail ’sa tha iad, agus sin uile, o’n a tha e cho leasg is nach saothraich e fhearann chum is gum biodh lòn aige dhoibh. Is fear-taighe gun fheum e, oir cha bhi aige ach a bhochduinn; cha leig an leisg leis bàrr a dheanamh agus o nach bi bàrr aige cha bhi aran aige, agus ged a bhiodh neo-ni bheag arain aige, cha bhi greim idir feòla aige, dhà fhein, no da theaghlach. Is droch nàbuidh e, oir cha leig an leisg leis callaidean a dheanamh, chumas mach mucan a choimhearsnach o nach bi gin aige féin, agus ’nuair a thig iad staigh feadh an droch bheagan barra a bhios aige, leumaidh e orra, le clachan, coin, cabair, ’as gunnaichean, gus am bu truagh le tamhasg an càramh. Ach is beag sin de ’na nì e dh’ olc; beubanaichidh e h-uile ceithir-chasach’ thig mar chairteal a mhìle dha, bheir e droch eiseimpleir do chloinn fhein agus do chloinn dhaoìn-eile, togaidh e aimhreit a measg nàbuidh, fàgaidh e imnidh orra mu’n cuid, [TD 120] millidh e an suaimhneas-san agus a shnuaimhneas féin mar an ceudna; bheir e cràdh, campair agus cnuimh-fhiacail, bròn doilgheas agus briste-cridhe air a mhnaoi-phòsda, aig cho tric is a bhitheas e an carraid, an sabaid, ’san tuasaid; agus anns gach gné dhrochbheairt a ghabhadh àireamh. Ach ged is tuathanach olc aig nach bi mucan an America, cha dhuine crionnta aig am bi tuille’ ’sa chòir dhiubh, oir thachair cleas gach spréidh eile dhoibh; is buannachdaile aon té ’bhi air lòn dithis no dithis a bhi air lòn aon te. Ma chumar mòran dhiubh air bheagan bìdh, cha mhòr am piseach a thig orra; ach ma riaraicheas duine e fein le àireamh a bhios freagarach air-son na bhiòs aige dhoibh, ’siad seòrs is feumaile do’n duine bhochd, de ’na gheibh e de spreidh an Canada. Agus cha mhò tha iad doirbh ri fhaotuinn. Gheibh neach uircean, ma mhios, no còig seachdainean a dh’ aois, air-son latha oibre. Aon uair is gum bi iad sia no seachd a sheachdainean, ni iad cothachadh air an son fhéin feadh na coille, gus an cuir an dùldachd stad orra. Agus cha ’né sin am furasd stad a chuir orra-san, a bhliadhna a bhios na cnomhan pailt. Cladhaichidh iad tre ’n t-sneachda gus an ruig iad orra am measg na duillich, agus caithidh iad a chuid is mò de ’n latha a’ solaradh an nì air nach tig dìlinn an t-àm a smuainichidh beothach eile ionnsuidh, thoirt. Tionailidh iad a h-uile dias arbhair a bhios air an asbhuain, bheir iad feum ás gach ubhal a [TD 121] chrathas a ghaoth bhàrr nan craobh, trusaidh iad na h-uile eitein sìl a chaillear mu’n t-sabhal, cuiridh iad’an ìre mhath an deire’ am pronn’ ’sa pheasair, ithidh iad am buntàta rèot sa’ gheamhradh agus am buntàta ginidh ’san t-samhradh agus òlaidh iad am meòg ’sa bhlàthach fad na bliadhna ma gheibh siad iad. Tha e soirbh ni’s leòr beothachan beag, càileachdach, dhiubhsan a bhiathadh agus airgiod a chuir ás, no idir itheadh, nuair nach biodh e’n comas duine sgillinn a chuir e seòrsa sam bith eile. Agus ni an fheòil aca mu dholar-gu-leth, an ceud punnd, a bharrachd air mairt-fheoil, is mur b-fhiach i sin uile cha ’n fhaigheadh i e. ’S ann tha e annasach leam nach eil atharach ni’s mò ann’sa phrìs, oir tha fios aig na h-uile bean-taighe eagarra gur i is buaine, tha fios aig gach epicure gur i is blasda, agus tha fios aig gach léigh fòghluimte agus aig gach duine purpasach a dh’ itheas i, gur i mòran, mòran is faillaine air-son annlainn no aòna chuid feòil mhart, ghabhar no chaorach. Ach ciamar a bhios fiosrachadh sam bith ann ’sa chùis so, aig an fhear nach d’ fheuch riamh i, ach a dh’ fhòghluim, o athair ’s o shean’air, dréin a chuir air, ’n trà chluinneadh e am facal muicfheòil ’ga luaidh, mar gu ’m bitheadh déistinn air fhiaclaibh. Rachadh am fear ceudna do dh-America, far am faigh e muicfheoil air a biadhadh ceart, air a gréidheadh ceart, agus aiteal beag de ’n acras air gheurachadh a ghoile, agus theid mis’ an ràthan nach tig dìlinn [TD 122] an latha ’their e, thaobh na muice, “gach diùbhlaidh gu deireadh.” Cha neil mucan Chanada mòr mar is trice. Tha mi ’saoilsinn nach eil an seòrsa th’ ann ro mhath agus nach b-olc an dòigh uircean beag, laghach no dhà ’thoirt a null; cha chuireadh tinneas mara feadag orra; ach am pailteas ’thoirt doibh ri itheadh. FIADH BHEATHAICHEAN. MATH-GHAMHAINN. Is minig a thuig mi, o’n a chonaltradh a bhiodh aig mo luchd-dùcha agus agam fhein mu America gu’n robh eagal fuasach orra roi’ fhiadh-bheathaichean na tire sin. O’n a thug mi ’n aire gu ’n robh an ceap-tuislidh so a’ cuir faitchis air cuid de mhuinntir athach, smuainich mi an cothrom so a ghabhail gus a charachadh as an t-slighe, no, air a chuid is lugha, gu comhar a chuir suas aige air dhòigh is gun aithnich luchd astair, an ceart àite ’sam bheil e gus an còlachadh. ’S o’n a tha mi ’dol idir ’na dhàil, tha mi ’saoillsinn gun gabh mi an ceann trom aige ’n toiseach. Nach ceart a thachair dhomh an ceann trom a ràdh ris? oir cha neil fiadh bheathach eil’ ’an Canada, aig a’ bheil ceann co trom agus com co làidir, ’sa tha aig a Mhath-ghamhuinn dhubh. Seàdh, am math-ghamhainn dubh, oir cha neil am math- [TD 123] ghamhainn glas ann an Canada Uachdrach idir. Agus cha mhò tha ’m fear dubh, cho lionmhor ann, is a tha roinn de na Sgriobhairean mòra ’cumail a mach, gu sònruichte, far am bheil astar fada de dh’ fhearann tioram, agus coille chruaidh a’ fàs air. Faodaidh tuathanach ’bhi deich bliadhna, ’na shamhuil sin a dh’ àite, mus am faic e claigionn diubh. Ach air a shon sin uile is còir dha ’bhi ’na earalas, oir, ged nach fhaiceadh e car dheich bliadhna e, faodaidh e bith, gum fairich e chuid feudalach e mus am bi e deich latha ann. Agus ma thig easan idir air an sgàth, bithidh rud-éiginn a choslas gille gnothaich air, oir cha ’n ann le làimh fhàlaimh a a dh’ fhalbhas e. Ma ’s ann air a mhuic a chromas e, (agus is tric leis gur ann, oir tha e na dheadh aithneadair beothaich) cha bhi a chleasachd fada ’dol a dh’ aon taobh. Sgioblaichidh e leis ’na achlais i, beag mhòr i, agus cha chuir an gnothach sin mòr mhoithlachd air fhein no air an luchd-éisdeachd, oir cuiridh e o’n sgiuganaich i, le aon fhàsgadh beag, blà, caoimhneil, eadar uileann ’sa chaisean uchd. Ni e ’n cleas ceudna air caora; ach ma’s ann air mart a bheir e an ìonnsuidh, is tric leis gréim a chuir oirre mu’n chaoldruim, agus stiall de ’n taobh aic a stròiceadh sios a dh’ ionnsuidh na bronn, air chor is gu ’n ruig solus an latha na dubhagan aice, dh’ aon bhoisge. Tha e ro uasal ’na nàdar; cha ’n fhiù leis dad is lugha no ceithir-chasach. Ach, mar a thuirt mi roimh, faodaidh duine, bhi deich [TD 124] bliadhna ann an Canada gun fhaicinn gun fhaireachadh agus b-aithne dhomh daoine ’bha fichead bliadhna ann, agus nach do chaill beothach riamh leis, ged a bha iad ’togail feudalach fad na h-ùine sin. ’Se deireadh an fhoghair am ’s an cunnartaich’ e air milleadh a dheanamh. Bithidh e ro shanntach air creich ’san àm sin, agus cha ’n ioghnadh ged a bhitheas am beothach bochd; oir ceart co luath ’sa thig a ghaillionn, bheir esan an garadh air, sparraidh e a spòg ’na chraos, agus ri cùis-shùgraidh no fearas-taighe, ach ’ga deoghaladh sin, cha seall e tuille gus an tig aghaidh an talmhainn ris. Cha toir am math-ghamhainn dubh, aghaidh do dhuine uair sam bith, ni’s lugha no ’se bhios ann té aig am bi cuileinean. Mur seachainn duine té de ’n t-seòrsa sin, bithidh a mhì-shealbh thuige, no ma leònas duine aon diùbh, agus a dhol ’na dhàil mus am bi e marbh, bithidh e ’an cunnart n is fhiach e. Gidheadh na ’m faigheadh duine beothail, a bhiodh sgiobalt ’na chasan, a’s uaith air talamh réidh, dh’ fhàgadh e a luathas bhonn e, car greise, ach cha bu chomasach dha leantuinn air ruith cho fada ris-san. Tha e math-ghamhainn dubh dìreach mu luathas a bhruic a tha feadh nan gleann Gaeleach, leanaidh e air ruith o mhoch gu dubh air a cheart dòigh; “Ged théid e ’na chabhaig, Cha ghearan e mhaothan.” Bithidh iad fhein agus na h-Innseanaich, ’an [TD 125] ugannan a chéile gach dàrna seachdain. Ach ma bhitheas b-fhearr do na mhath-ghamhainn a bhi ’na chadal; spoltaidh an t-Innseanach e gun fhios gun aire dha, gus am bi a ghrealach ’na bhuaraich mu na h-iosgaidean aige. Ma thàrlas da losgadh air agus a leònadh; ceart co luadh is a bheir am math-ghamhainn thuige, tilgidh e bh’ uaith a chlaiseach ’s an tomahawk, am bogha, an dòrlach, agus gach ball beairte ach an sgian-dubh amhàin. Is an a bhios an sgian aig’ an còmhnuidh air a chruachainn deas, ann an truaill fuaighte ri crios éilidh a th’aige ghnà ceangailte mu chneas, agus fàgaidh e ’n sin i gus am faigh e taic a dhroma ’leigeadh ri craoibh ghoireasaich, éiginn nach bi ro gharbh. Co luath is a ruigeas am math-ghathainn e, tòisichidh e ris an t-seana chleas. Seasaidh e suas air a chasan deiridh agus cuiridh e dha chois thoisich mu’n cuairt da fein agus do’n chraoibh, an dùil nach eil dad gus maille ’chuir air o chridhe an Innseanaich a sginneadh á chochull. Ach cha bhi sin cho furasd is a bha e air bharail. Cha chuir e fiacail air, agus o nach cuir, faodaidh e bhi ’fàsgadh ’sa’ bruthadh ’sa’ ditheadh ri shaoghal, ach cha chuir e tulgadh ’sa chraoibh, agus am fad is a sheasas a chraobh bi’dh an t-Innseanach sàbhailte. Ged a bhios e sàbhailte cha ’n fhodhainn sin leis; is fheudar dha a dhearbhadh gur mac airidh air athair e. Bheir e làmh air an sgithinn, sàthaith e ’na losunn i, agus leis a cheud tarruing a bheir e oirre leigidh [TD 126] si ràn áist’ ann am brisgein a bhrollaich rì iomall deiridh a chaisein-uchd. Bi’dh an ceòl feadh na fidhle. Bithidh a ghrealach feadh a bhaile, agus an t-Innseanach ann an ùine ghearr air a chlosaich aige; agus is math an tuarasdal latha a nì e oir tha mòran saille agus olaidh air, agus tha ’n dà chuid ro luachmhor. Tha ’n craicionn aige ro fheumail, sa’ gheamhradh, a chòdachadh luchd-turuis a bhios a’ gabhail na slighe ann an cuirnn-shlaodaidh, agus tha e anbarach uile math mar aodach uachdair leapach. Cha chualas iomradh air feòil, a ghabhas coimeas ris an fheoil aige air feothas. Cha robh mise cho fortanach is gun d’ fhuair mi toitean riamh dh’ i, ach bha ’n dream a bha eòlach air a bhi ’ga fionnadh, agus ’ga h-itheadh, ag ìnnseadh dhomh, nach robh a leithid idir ann. Leig iad a thuigsinn domh gur ann a tha i ’na stiallaibh, geal agus dearg air feadh a chéile, rud-éiginn cosmhuil ri caisein-uchd uain no ri caoldruim muice, ach mòran mòran ni’s blasda no aon chuid diubh sin. Ged is beothach tlachdar agus feumail am math ghamhainn ’nuair a bhios e marbh, tha e ’na bheothach duaichnidh, a bharrachd air e ’bhi cronail am feadh a bhios e air a chasan. Tha e robach, ceigeach, ceòsagach, ’san fhionna, crotach ’san druim agus a chasan deiridh a laidhidh air an làr gu ruig na h-iosgaidean. Tha na h-uile spòg aige co leathann ri crodhan tairbh agus a ghialan co farsaing ri bial màileid. Ach ged a tha chraos mòr, tha e, air dhòigh, modhail, oir [TD 127] is ainminic leis bìd a thighinn a cheann a chuireas am faitcheas is lugha air luchd siubhail na h-òi’che. MADADH-ALLAIDH. Ma tha am math-ghamhainn ’na bheothach tosdach, sàmhach, cha’n é sin e do’n mhadadh-alluidh. ’Se ’ni ’n ròichdeil oilteil. ’Nuair a thogas e a ghuth, ’s a leigeas e cheud ulart ás, cha’n eil fhios agam ceart ciod é ’shamhlaichinn ris. ’Se damh-cròic an dà mheòir dheug, a’ langanaich ann an gleann cumhann, creagach, uamhach, mu mharbh mheadhon-òidhche, ri aimisir fhiathail ’san dàmhair, rud is cosmhuil ris is aithne dhomh. Ma’s ann airson àbhachdais dha fhéin, no a chuir miothlachd air neach eile, a bhios e ris a’ chleasachd so, cha’n urrainn domh a ràdh no thuigsinn; ach cò-dhiù, is iomadh coigreach bochd, air ùr dhol do’n dùthaich, air am bheil e ’cuir làn a chridhe de’n eagal. Ri òidhche chiùin, gabhaidh iad am boile buileach; oir cluinnidh an dàrna aon diubh fhéin an t-aon eile co fad air astar is nach téid stad no fois orr’, ach freagradh a chéile, gus am fògair a chamhanaich do dhiomhaireachd nan garadh iad. Ach ma bheir iadsan an garadh orr’, cha’n ann gun rudeiginn ’bhi ac’ air an cnàmh iad an cìr, ma dh’fhaodas iad. Is iasg gach nì ’thig ’san lion aca so. Tha an t-each, am mart, a chaora, a mhuc, a chearc, ’s an tunag, co deas leò; ach ma bhios seòl ac’ air an roghainn a ghabhail de gach [TD 128] gné a dh’ainmich mi, is i a chaora gu mór is annsa leò. Ged nach bi ach aon fhear dhiubh mu mharbhadh caorach, ma gheibh e beagan ùine gus cùisean a chuir mar is math leis, cha’n fhàg e uiread faillein cluaise dh’i gu fianuis a thogail air a ghniomh. ’Se tlàmadh no dhà cloimhe rud is mò ris an ruig leas fiughair a bhi aig neach. Tha iad so mòran n’is pailte, cleas gach fiadh-bheothaich eile, far am bheil an talamh fliuch, ìosal, agus a choille ghiubhais. Bithidh iad a’ falbh cuideachd, ’nam buidhnibh, ’an aitibh uaigneach de’n t-seòrsa sin; agus cha bhi dol-ás aig beò-bheothach ris an tachair iad. Ma thàrlas do dh’àireamh lionmhoir a bhi ann, agus geurag bheag de’n acras orra, cha sòr iad ionnsuidh a thoirt eadhoin air duine. Tha na h-Innseanaich agus iad fhéin a’ dol iomadh uair ’an iomairt-làmh. ’Sann gu h-àrd fada, ’n aiteiginn air an Ottowa, a thachair an deuchainn bu chianaile agus bu chliùitiche air an cuala mi iomradh de’n ghné so. Dh’fhalbh laoch cròdha de ’na daoine gaisgeil mu’m bheil sinn a’ labhairt aon latha a sholaradh lòin, mar a shaoil leis fhéin agus le eàch, do ’theaghlach; ach is beag tha fhios aig neach ’sa mhaduinn ciod é tharlas dha mus an tig an òidhche. Bha an sonn curranta ’sealltuinn a mach airson na greigh-uallaich; ach mo léire! ’sann a dh’iath a mhadraidh fhuileachdach mu’n cuairt da, le rùn crioch a chuir gu siorruidh air a sheilg agus air a shaothair. Cha robh neach ann a chitheadh no dh’ìnnseadh cia ealamh a shìn [TD 129] iad air a chéile; agus bha sin cho math; oir ged a bhiodh caogad mìlidh air an làthair, cha’n eil fios agam an rachadh aineil ás an àrfhaich dhiubh; ach na’n deanadh gach fear gniomh an Innseanaich, rachadh. Saoil nach ann dha a thigeadh a dhol a bhruan-spealtadh nan claigionn ac? Dh’fhalbh e chuideachd an ath-latha ’ga mharbh-iarraidh. Fhuair iad naoidh madaidh, gun phlosg annt’, taobh ri taobh, aig bun craoibh mhóir bheithe, agus tomahawk a bhiùthaidh gu ruig an t-samhach ann an copan a chlaiginn aig an naodhamh fear. Thuig iad o so gu’n do chuir rogha nan sàr a dhruim thàbhachdail ris a chraoibh, ’nuair a mhothaich e ’n gàbhadh ag iathadh air, agus, leis a bhall fhaoin, leibideach, a bh’aige ’na ghlaic thoirteil, gu’n do spad e gach aon mar a bheireadh ionnsuidh air, gus an deach an tomahawk, le tubaist, air fiaradh ann an ceann an naoidheamh fir, air chor is nach d’fhuair e ás i cho ealamh ’s a dh’fheumadh an gnothach e. Faodar a bharalachadh nach robh iad fada ’fodhnachdainn dha ’nuair a fhuair iad staigh air. Cha robh aon fhuiltean dh’e ri fhaicinn. Bha an sgian-dubh a bh’air aig bun na craoibhe, gun oirlich de crios-iomchair; seadh, gun fiù a truaill. ’Se sin, agus luirbeag no dhà de’n aodach uachdair ’bha uime, na bha air bhrath. Fhuaireas a chlaiseach greiseag air falbh, far na thilg e uaith i, mar a shaoil iad, ’nuair a rinn e airson bun na craoibhe. Ach ged tha na madaidh lionmhor ’an cuid a [TD 130] dh’àitean, mar a dh’fhaodar a thuigsinn o na dh’aithris sinn, cha’n eil iad mar sin ’san dùthaich gu léir. Faodaidh tuathanach a bhi deich bliadhna gun ghin fhaicinn no fhaireachadh dhiubh. Cha toir aon fhear dhiubh aghaidh do dhuine uair sam bith, agus cha mhò dh’fheuchas e ri beothach is mò no gabhainn a mharbhadh. Cumaidh crodh mòr dhiùbh e, gun taing dha, am fad is nach tig ach aon. Agus ged thigeadh dithis, cha b’eagal doibh, ni’s lugha no is ann an uair a bhiodh iad caol as t-earrach a bhiodh e. Tha am madadh-alluidh luath, làidir; garbh ás a thoiseach, agus caol ás a dheireadh; cluasan biorach, ’nan seasamh dìreach, agus earball fada, sìnteach, iosal air;— “A’ mheadhon leathan, ’s is leobhar a chliabh; Uilleann fiar, ’sa speir cam.” MADADH-RUADH, &C. Tha madaidh-ruadha cho lionmhor ’an coilltean America is a tha caoraich ann am Beinn Dobhrain, agus mòran ni’s lionmhoire, ged a theirinn e. ’Se seòrsa beag, balgach, na machrach a th’ann; no, mar a theirear riutha mar is trice, na “dubh-chasaich.” Mar ’tha iad gun athrachadh uatha sin ann an dath agus ann an dealbh, is ionnan a tha iad gun atharachadh uath ann an nàdar. Cha tric leo miothlachd a chuir air an tuathanach, no air dad a bhuineas dha; ach bithidh iad fhéin agus na mnathan a’ guidhidh mhallachd d’a chéile gach dàrna latha, ’an car spion- [TD 131] aidh nan cearc. Dh’fhaoi’te nach ’eil beothach air an t-saoghal uile ’tha cho teòm’ air an fhearas-chuideachd so ri balgaire ruadh Chanada. Snàgaidh e feadh an arbhair ’san fheòir, as t-sàmhradh, gus am bi e cho goireasach ris na h-urrsannan is gum bi e cìnnteach á ghnothach. Bheir e iomadh uair làn an leth-dusain leis ’an aon latha. Tha seòrsa fiadhaich, fuadain, eile ann, ris an abair iad an silver fox; ach ged a thachair balgairean ruadha ni’s leòir rium-sa ’an Canada, cha robh mi sealbhach air a bhi ’còlachadh nam balgair-airgiodach ann; agus cha’n fhaca mi aon riamh dhiubh, beag, no mòr, no meadhonach. Chunnaic mi bruic am pailteas gu-tà, agus taoghain, agus còrr bhéisdein beag feòcallain. Tha iad sin uile dìreach mar a tha iad aig an taigh, ’nan dreach agus ’nan nàdar. Tha iomadh seòrsa de bhiasdan beag eile ann—mar a tha mucan-talmhainn; feòragan dubha, agus ruagha, agus breaca. Ni iad so, agus am broc, eanraich ro mhath. B’aithne dhomh daoin’-uaisle, a chaidh a mach à Dun-Eideann, a bha cleachdadh a bhi ’deanamh feuma dhiubh, agus bha moladh cotharaichte ac’ orra. Dh’itheadh iad an toiseach an fheòil, agus dh’òladh iad rìs an sùgh; agus c’arson nach h-òladh? is gun d’thuirt an t-sean-fhacal fìrinneach— “Cha’n eil fear ’dh’itheas a sheanmh’air, Nach fhaod h-eanraich òl.” [TD 132] Tha coineinean fiadhaich ’an cuid a dh’àitean agus gearran bàna, de’n cheart seòrsa tha ri fhaotainn mu mhullaichean nam beann air a’ Ghaelteachd. Ach ciod é thachair dhomh ’nuair a dhì-chuimhnich mi “Luchd nan céir geala, ’S nam falluinne dearga?” Tha na féidh ro lionmhor an iomadh cearn de Chanada; ach cha’n é an seòrsa air an robh sinne eòloch, ’an àm ’bhi “’Gabhail na frìthe, ’S a dìreadh nan garbh-ghlac;” ach feadhainn stireanach, air am bheil earbaill fhada sios gu ruig na h-iosgaidean. Tha taobh fodha nan earball gu léir bàn; agus is àbhaist doibh, ’Nuair ’theid iad, ’nan deannaibh, Tre chrannaibh na mòr-choill’, an luasgadh os-ceann an dronnaig, mar gu’m bitheadh lothag bhiadhta air ùr dhol a mach as t-earrach ann. Cha’n fhaic neach ach còrr bhoisge beag dhiubh eadar na craobhan, ’nuair a theid iad fo astar; agus, aig co geal ’sa tha na girteagan ac’, saoilidh coigreach gur e dath bàn a th’orra uile. Ach cha’n ann mar sin a tha. “Is maoth-bhuidh’, datht’ an snuadh, Is dearg an dreach ’san tuar,” Agus faodaidh fear an ruagadh gun sòradh ann. [TD 133] Cha’n eil a chridh’ aig bàillidh, “aig maor, no aig madadh,” a ràdh gur h-olc. Is cìnnteach gu’m bi iad ’nan éiginn ’sa gheamhradh; ach ma bhitheas, is tur a dhì-chuimnicheas iad ’san t-sàmhradh e. “Bithidh bratan-saille cruinn” Orr’ mu bhac an druill; ’S an caisein-uchd lom, grinn, agus lòdail ac’. Tha gnê de chearcan ruadha ’an Canada tha leth-char cosmhuil ris a chirc-thomain a th’againn ’san dath, ach mu mheudachd na circe-fraoich. Tha iad so glé mhath r’a itheadh. Cha’n eil coire sam bith orra, ach cho beag ’sa th’ann diubh. Tha clamhainn, iolairean, seobhaig, agus caillchean-oidhche ann. Tha calamain fhiadhaich gun chunntas ceann ann. Tha iad so mòran ni’s mìlltich’ air bàrr, agus ni’s draghaile do thuath Chanada, no tha na ròcais air machair nan Gall. Tha nathraichean ann an Canada Uachdrach cho lionmhor is a bhios meanbh-chuileagan ’an Coille-dhubh Raineach òidhche iùchrach, agus mòran ni’s lionmhoire; ach cha’n eil cron air bhith annt. [TD 134] CUILEAGAN, &c. De gach gné chreutair a chuireas miothlachd air an fhear-imrich an uair a ruigeas e an dùthaich ùr, cha’n eil gin idir dhiubh leth cho draghail dha ris a chreithleig-Innseanaich, no, mar a their na Goill rithe, am musquitoe. Cleas gach droch bheothaich eile, tha i ni’s ro dhéidheil air a bhi ’n sàs ’s a choigreach; agus cha’n e sin ach an sàs fuileachdach a ni ise. Ceart co luath is a thig an sàmhradh gu math a staigh, mosglaidh i, agus theid i air sgiathalaich. Togaidh i dranndan dearrasanach, rud-eiginn cosmhuil ri srann coinnspeacha, agus, gun tuilleadh dàlach, tòisichidh i ris an olc. Tha i so mu mheudachd an t-seangain duibh, sgiathaich, a tha feadh nan còill air a Ghaelteachd, le casan agus gob fada oirre. Agus ma tha an gob aice fada, the e cruaidh da réir sin; oir tha i cheart cho deas gu neach a tholladh tre aodach is a tha i ged a bhiodh e lom. Is tric le craicionn neach a bhios air ùr dhol a staigh do’n dùthaich éiridh ’na leòis, an déigh dhoihh a theumadh, dìreach mar gu’m b’ann a rachadh a sgiùrsadh le dos ionntaig; agus, gu dearbh, tha cuid aig an éirich e mar sin an còmhnuidh leo. Tha a’ chreithleag-Innseanach, mar gach droch bhathar eile, còig ceud uair ni’s pailte far am beil am fearann fliuch, salach, iosal, agus a choille ghiuthais agus sheudair, no a tha i far am beil am fearann tioram, àrd, agus coille lom, chruaidh, a’ fàs air. Ged nach ’eil i a’ faotuinn cothruim tric air daoine a ghlan mharbhadh, is [TD 135] fiosrach mi àite agus àite anns an do chriochnuich i beatha muinntire; agus ged a bhitheadh neach cho làidir ri famhair, cha bu chomasach dha cathachadh fad’ an aghaidh nan creithleag ’an America ’san t-sàmhradh, ni’s lugha no bhitheadh e am fochair a ghealbhain, no mach ás a choille, far am bitheadh a ghrian a’ soillseachadh air. Ach a dh’aindeoin cho olc is a tha iad, cha’n urrainn doibh luach seamraig de choire a dheanamh do neach ach anns an dubhar. Tha cuid a cleachdadh na pioba tombaca gus an cumail uath; agus theid aca air le sin, cuideachd, am feadh a chumas iad ’nam beòil i, a’ séideadh a ceotha mu’n cluasaibh: ach ceart co luath is a leigeas iad seachad i, neo-ar-thaing mur creathnaich iad air. Tha an t-sròn ro ghlan aig a’ chreithleig, agus lorgaichidh si muinntir an tombaca ’mach air samh an analach, air chor is gur iad is ro mhiosa cuid d’e, glé thric. Ach ged is draghail air an latha iad, is ann air an oi’che is miosa iad gu mór. ’Nuair a gheibh iad aon-uair a staigh do na taighean, cha’n fhaigh neach fois ’san latha, no cadal ’san òidhche leò. Cha’n eil seòl idir air làmh-an-uachdar fhaotuinn orra an sin, ach le deatach a phronnaisc. Tha creithleag mhór, mhór, eile ’an Canada, a tha cheithir uiread ri creithleig ghlais na h-Alba. Cha’n eil i so a’ tighinn cho tràth, is cha mhò a tha i a’ fuireach cho fada, ris an té bhig. Cha’n eil i mar an còigeamh ceud pàirt cho lionmhor ris a mhusquitoe, is cha mhò a dh’fheumadh i a bhi; oir [TD 136] n’am bitheadh, cha bhitheadh rìgh no uachdran air America ach i féin. Tha gné eile chuileag ann, is leòr a chuir eagail air a’ choigreach air an òidhche, ged nach fhaic e idir air an latha i. ’Se tha’n so seòrsa ris an abair iad a chuileag-theine. Bithidh i ri fhaicinn a’ saighdeadh air ais is air aghart fad na h-òidhche, mar gu’m bu ghathan dealain a bhitheadh ann. Ach bheir an t-aon rud, a cheud sùgh reòdhaidh a thig, crioch obunn air a maise so, agus air olc chàich, ceart còladh. [TD 137] CO-DHUNADH. ’Nuair a bhios neach air tì leabhar a dheanamh, is fheudar dha toiseach a chuir air; agus a cheart cho cinnteach ri sin, is fheudar dha crioch a chuir air. Tha toiseach aig an leabhar mhòr, agus tha crioch aige; ’se sin uile na tha aige, agus beag is mar a tha mo leabhran-sa, cha dean e ’chuis gu’n an dà chuid sin a bhi aige. Chuir mi ’sa cheud àite toiseach air, agus tha mi a’ leigeadh gu fianuis an Leughadair, an d’rinn mi a chuid sin de mo ghnothach ceart. Tha mi nis a’ dol ’ga cho-dhunadh, am feadh tha sàr fhios agam fein, gun can mòran de mo leughadairean, nach ann mar bu chòir dhomh, ach fuasach cearbach, dearmadach, deireasach. Ach cha’n ann o mhothachadh cionta, no cion coilionaidh dleasannais, air mo thaobh fein, ’tha mi a’ breithneachadh so idir. ’Sann tha mi a’ saoilsinn gum meas gach fear-ìmrich, a dh’ionnsuidh an tig mo shaothair, gur ann air-son fheuma fhein gu pearsanta a rinneadh an leabhar, (agus is ann mar sin a tha ’chùis ann an seadh) agus gu ’n abair e, ’nuair a leughas se e gu ruig an t-ionad so:—“Ceann Iùil gu’n bhuaidh! is bheag a smuainich e air iùl a dheanamh dhomh an taobh a bha mhiann orm a dhol. Is fhada mu’n tug e luaidh air Cape Breton, far am bheil mo bhràithrean ionmhuinn; air Nova Scotia, far am bheil mo dhà phiuthair ghaolach, no air New Brunswick, far am bheil deadh bhràthair m’ athar. Cha tug, cha tug; ach Canada. Ca- [TD 138] nada, Canada; gun dad ach Canada.” O’n bu mhath leam a dhol ás o achmhasan neo-sheirceil an duine chòir so, tha mi ’saoilsinn gu’m bi e iomachaidh dhomh, cho cudthromach is a tha dreuchd ceann-iùil, agus cho cruaidh is a tha na riaghailtean a th’air am feuchuinn ris, a mhìneachadh dha. Tha dreuchd ceann-iùil, ’na dreuchd anbarach cudthromach; tha an dà chuid, beatha, agus maoin sluaigh ’an earbsadh ris. Tha an lagh ro chruaidh air ceann-iùil; ma ghabhas e os-làimh soitheach a thoirt a staigh do long-phort aìr nach eil e eòlach, agus gu’n téid i air sgeir le choire-sa, nithear peanasachadh agus beubanachadh sgreamhail air; caillidh e a chliù agus a chreideas, agus bheir na h-uile duine ’chuir e’an cunnart, agus na h-uile neach a chluinneas tuairisgeul a’ ghniomha, am mallachd air. Ach an ceann-iùil aig am bi fios, gu’m bi acarsaid olc, gu’m bi droch ghrund innte, gu’m bi cion fasgaidh oirre, agus gu’m bi h-uile clàr soithich a théid a staigh, gach ial ann an cunnart, gus am faigh iad a mach; ach, air a shon sin uile, a thairgeas dh’i an t-iùl a dheanamh, agus a chuireas air tìr i, cha téid bàigh, tròcair, no fathamas fheuchuinn da, ach an ceann aig a sgaradh o choluinn ann an seasamh nam bonn. Ciod é nis, a their mo dhuin’ uasal ri so? ’Ne gun gabhainn-s’ os-làimh an t-iùl a dheanamh dha, do dh’ àite far nach robh mi fein riamh! gu’m bu fada sin uam; agus gu’m bu faide gu mòr uam, an t-iùl a dheanamh dha do chearna mu’n cuala mi a [TD 139] liuthad droch iomradh, air-son saothrachadh beagan n’is fhaide leis do dhùthaich, is fhiosrach mi fein agus daoin’ eile, a bhi ’na h-àite math. Is gnothach fuasach gòrach do neach, ma thogas e an ìmrich idir, gun a dhol don àit is fhearr, ma’s urrainn e. Cha chosd an t-aisig gu ruig Quebec ach mu chrùn a bharrachd do neach, is a nì e do’n Chape, no do na dùchaibh eile a dh’ ainmich sinn; agus air-son a ràdh gur i Canada dùthaich is fearr, cha neil mi ’n dùil gun ruig sinn a leas, oir tha na h-uile duine tuigseach aon-sgeulach mu na phunc sin a cheana. Cha mhò ’tha eadar-dhealachadh bharail aca mu’n Chape; cha neil teagamh idir nach easan diùbhaidh na tha dh’fhearann àitichte ann an America. Is beag an t-ioghnadh, is iomadh ni tha ’co-aontachadh gus a dheanamh ni’s miosa no àiteachan eile. Cha neil rùm no ùine againn gus an àireamh fa-leth ’san àite so; ach, air a shon sin, comharaichidh sinn a mach an t-aon no dhà a leanas ann san dol seachad:—Is e is fuaire agus is miosa fearann, agus o’n is e tha luchd an airgid agus an fhiosrachraidh a’ toirt Chanada orra agus a’ fàgail a Chiop ’nan déigh. Is e is faisge do làimh agus do’n saoire a gheibhear, agus o’n is e chaidh mòran de na Gaeil bhochda an toiseach ann, agus o’n a chaidhidh theid mòran d’an cairdean bochda nan déigh ann. Is ann a chaidh an tuath is bochda, a chaidh a dh’America, á Albainn; is ann a tha an tuath is bochda ’tha ’an America, agus is ann ann a tha ’n tuath is bochda, a tha [TD 140] dol a dh’America á Albainn, a’ dol, agus ’nuair a chuirear a chuile bochd a tha ’n sin cuideachd, cha chreid mi nach leòr iad a dheanamh bochduinn. Faodar a thuigsinn o na bheagan so gu’m bheil sinn a’ diùltadh, a mach ’sa mach, iùl no eilthireachd a dheanamh do’n Chape. Cha né gu’m bheil sinn ag iarraidh na Gaeil a chumail ás ma tha mhiann orra dhol ann, ach de mheud diubh is ris an còlaich sinn an àm a bhi a’ dol fo sheòl, bu mhath leinn fheòrachadh ciod é ’tha ’gan toirt ann. Faodaidh e bith, gum bheil càirdean ac ann, agus, o’n a tha, gur math leò dhol còmhlath riuth. Bithidh sùil aca ri fàrdach fhaotainn car seachdain, no theagamh car miosa, gus am faigh iad sealltuinn a mach air-son rud-eiginn dhoibh fein, agus mur tachair dhoibh sin fhaotuinn, co luath is bu mhath leò, saoilidh iad nach tig beud riutha am fad is a bhitheas iad am fochair an càirdean. Tha so uile math ni’s leòr ’na àite fein, ach is i mo chomhairle-sa do fhear an teaghlaich, e thoirt oidhirp air a dhol do’n dùthaich is fhearr, do’n dùthaich ann sa’m bheil an tuath is beartaiche, agus do’n dùthaich ann san usadh da fein, agus do theaghlach, rud a bhi aca nach toir càch uathpa. Am fear a tha smuaineachadh air a dhol a dh’ America, cheann gu’ bheil cairid dha roimhe, gabhadh e an sanas so bhuamsa, agus fanadh e aig an taigh. Cò a thaisbein càirdeas do chairid ’nuair chaidh e roimh ann? nach ann beò air a dhìchioll fein a bha e? is amhuil is fheudar dhuinne a bhi. Cha robh cothrom sam bith aige- [TD 141] san ’nuair a ràinig e, nach eil againn an diugh, agus fear na dhà a bharrachd. Saothraicheadhmaìd, mar a rinn easan agus bithidh uiread againn is a th’ aige-san; ach mur saothraich, am bheil e reusanta gur easan a tha dol ’gar cumail suas? Agus ged a bhitheadh e reusanta, tha caochladh tighinn air intinnean sluaigh, ri linn doibh a dhol a dh’America, nach eil na Gaeil a’ tuigsinn. Cha neil fear leasg idir, ach gann, ’an America, agus o nach eil cha mhath leò muinntir leasg a bhi ’cuir dragha orra. Tha am fear a thòisich falamh, a’ glacadh misnich o mar a tha e a’ tighinn air aghart, agus a strì le uile cridhe, a dh’fheuch am faigh e bhi ’an co-inbhe ris an fhear a thòisich le cuid. Tha am fear a thòisìch le cuid, air an làimh eile, air a ghonadh, agus air a dhoranachadh, cheann gu’m bheil am fear a thòisich air an an anacothrom a’ deanamh suas ris, agus mar so tha iad co teinntidh agus co diorasach ás gach taobh, is nach fhuiling iad fiù a chait ’san rathad orra. Faodaidh am fear imrich a bhreithneachadh o so, ma théid e far am bheil fhear eòlais, gur ann gus a bhi a’ deanamh seirbhise dha theid e ann; agus ma tha e ’n dùil nach dean e sin, cha bhi e mòran ni’s sine na tha e ’nuair a thuigeas e fìrinn an t-sean-fhacail, a thuirt:—“is ann a tha ’n càirdeas mar a chumar e.” Gabhadh am fear ìmrich, aig am bheil teaghlach, comhairle bho na “cheann-iùil,” agus cuireadh e dhòigh ann am maitheas an fhreasdail a tha ’buileachadh a shlàinte agus [TD 142] comais a chosnaidh air, ann an deadh dhùthaich, agus ann na dhìchioll fein; agus na “H-earbadh e a chùis ri bhràthair, Ged ’se mac a mhàthar fein e,” aon uair is gun téid e air tìr taobh an iar an Taibh. Faodar na nitheann, a chomharaich sinn amach mu’n Chape, a cho-chuir, ann an tomhas àraidh, ri Nova Scotia, New Brunswick, &c. ’Se ar comhairle do fhear na muirichinn gun sealtuinn nan gaire ach an t-slighe a dheanamh co dìreach ’sis urrainn e do Chanada. Ach am fear aig nach eil ùidh ann am fearann no ann an dachaidh suidhichte da fein agus d’a shlioc, ach anns an obair-latha amhàin, faodaidh e cosnadh ni’s leòr fhaighinn ’sa Chape, &c. Tha mòran fiodha ’ga aisig ás na dùchan sin, agus tha feum air gillean gus a ghearradh agus gus a chuir air bòrd. Tha gual air a chladhach annt, agus iomadh obair shalach de’n t-seòrsa sin, ris nach ruig leas dùil a bhi aig neach a theid do Chanada Uachdrach. Bithidh beagan airgid ’tighinn a staigh, do ’n fhear a bhios ag obair orra sin, an ceann a mhiosa no na seachduine, ach ma bhitheas, is iomadh rud a bhios ’ga thoirt a mach. Tha am fear a bhios ag obair anns na h-acarsaidean, agus anns na bailtean, buailteach do dh’iomadh cosdas nach cuir dragh air an neach a bhios air an dùthaich o’n darna ceann de’n [TD 143] bhliadhna gu ruig an ceann eile dh’i. Bithidh mòran chompanach aige—cuid dhiubh gu math, agus cuid mar a dh’fhaodas iad. Bithidh iad air bhòrd an tigh-òsda; bithidh fiughair ri bàl gach òidhche a gheibh iad tuarasdal-seachduine; agus cha bhi annt’ ach na daor spiocairean mur dean iad gnothach ceart dheth, o’n a thòisicheas iad idir ris. Buinear ro chaoimhneil riuth’ am fad ’sa bhitheas an fhearas-chuideachd so ’dol air aghart; ach, ’Nuair a thréigeas dolair iad, ’Sa bhios an sporain spùinnte, feuchar cleas eile dhoibh. Mar a thubhairt fear-eòlais àraidh de rogha nam bàrd Gaeleach— “’M feadh bhios bainne ann ’ur ciochaibh, Deòghlar sibh gu stòlda rianail, Gus an tiormaichear ’ur cliabh, ’san Sin, ’ur liad de’n t-sràide dhuibh.” Tha mi nis dol a ghabhail soraidh leis an “Fhear-Imrich,” agus a’ guidhidh soirbheachaidh agus deadh thuruis da. Bu mhiann leam a chreidsinn gun toir e buill mhath ás mo shaothair. gidheadh tha briathran so an fhilidh a’ tighinn fainear domh:— “Do’n duin’ òg a tha gun mhaoin, Is gnothach faoin bhi ’g iarraidh meas; Ged a làbhras e le céill, Is neach á ceud a dh’éisdeas ris.” A CHRIOCH. Glasgow: Printed at the University Press, by Edward Khull.