[TD 1] LAOIDHEAN SPIORADAIL, LE DOMHNULL HENDRI. A BH’ ANN AN SANAIG, ’S AN EILEAN ARANNACH. AN DARA CLO-BHUALADH. GLASGOW: PRINTED AND SOLD BY NEIL CAMPBELL, GAELIC BOOKSELLER, 17 MALTA STREET. MDCCCLVII. [TD 2] GEARR-CHUNNTAS MU BHEATH’ AN UGHDAIR. RUGADH DOMHNULL HENDRI, mu ’n bhliadhna 1774, ann am baile beag ris an abrar “An t-Allt-gobhlach” aig cean-mu-thuath an Eilean Arannaich. Bha ’ghiùlan ann an làithean òige mar a tha ’leithidean an cumantas, eutrom agus amaideach; ach eadhon ann am meadhon a ghòraich agus aingeachd bhuin an Tighearna gu gràsmhor ris, le a thoirt o dhorchadas gu solus, agus o chumhachd shàtain gu Dia. Bha ’n t-atharrachadh a thainig air cho comharraichte ’s gu ’n robh e soilleir do gach aon a bha eolach air gu ’n robh e nis na dhuine nuadh. Cha luaithe thainig atharrachadh slàinteil air fein na thòisich e air comhairleachadh a cho-pheacaichibh gu teicheadh o ’n fheirg a ta ri teachd, agus greim a dheanadh air an dòchas a tha air a thairgse dhoibh anns an t-soisgeul. Mu choig bliadhna an deigh dha bhi air iompachadh thòisich e air cur Laoidhean Spioradail ri cheile; agus mar so a fàs ann an gràs, agus ag ath-cheannach na h-aimsir, bhuanaich e a’ saoithreachadh ann an obair an Tighearna. An deigh e fein a chleachdadh air a mhodh so ré àireamh do bhliadhnachan chaidh a chur a mach na fhear-teagaisg ann an coicheangal ris na h-Independents, agus ann san dreuchd so dh’ fhuirich e gus a bhliadhna 1831, nuair a chaidh e mach do Chanada air iarrtas àireamh mhòr d’a luchd-dùthcha. Ann an Canada shaoithrich e gu dìleas agus gu treibhdhireach gus an do chriochnaich e thuras anns an t-saoghal so, anns an earrach 1847, an deigh trioblaid throm anns a choluinn, a ghiùlain e gu foighidneach, b’e toil an Tighearn a ghairm as an t-saoghal so. Cha robh a bhean beò ach dluth do dhà bliadhna na dheigh. Cha robh duine cloinne aca. Bha “An Soisgeul,” agus “Amaideachd na h-Oige,” air an clo-bhualadh o cheann dà bhliadhna, ach o cheann ghoirid fhuair an clo-bhuailtear a mach gu ’n deach na bheil air chuimhne d’a Laoidhean (ceithear an àireamh) a chur a mach an Canada, agus uaithe sin fhuair e aon de na leabhraichean o ’n d’ thug e na Laoidhean a leanas a tha nis air an ceartachadh air iarrtas chàirdean aig an robh iad sgrìobhte. Glascho, Ceud Mhìos an Earraich, 1857. [TD 3] LAOIDHEAN SPIORADAIL. ROIMHRADH DO ’N NAIGHEACHD EIBHINN. CHUALA’ mi do cheòl mu’n naigheachd éibhinn, ’S le mòran sòlais rinn mi éisdeachd, An gabh thu rann no dhà uam féin ris, A nochdadh féum na h-iobairt-réite. Air dhomh bhi ’g iomachd an so gu h-uaigneach A’s droch smuaintean ga mo bhuaireadh, Och, ’s an tha m’ inntinn air a gluasad, Gu beachd air Adhamh na staid neo-thruaillidh. Bi sud an staid a bha làn do shòlas, Bha laithreachd Dhé ann, bha làn do ghlòir ann, Bha aoibhneas iomlan air gach dòigh ann, A’s cha robh àite air bith aig bròn ann. Ach, ged a b’ àrd i bu ghearr an uine, Gun fhios do Adhamh bha nàmhaid dlù dha, Ghabh e fàth air a’s e gun chùram, ’S le seòltachd nàmhaid mheall e ’n crùn deth. Oir thàinig Sàtan, an nathair lùbach, ’S a chridhe làn do naimhdeas dùbailt’, Rinn guth ri Adhamh a’s mheall e ’shuilean, A chum na craoibhe ’s a meas ga lùbadh. ’S thuirt e riu le ceilg bhreugach, “Tha meas na craoibhe so maith chum feum dhuibh, Ma gheibh sibh pàirt dheth ni e mar Dhéé sibh, ’S bidh agaibh eolas air maith ’s air euceart.” [TD 4] Ged bha ’m meas ud darìreadh àlluinn, Cha b’ i ’ghoinne a rug air Adhamh, Bha ’n t-ullmhach’ saibhir a rinn an t-Ard-righ, Gu leoir mu ’n cuairt air gu mhiann a shàsach’. Ge bochd an tràs’ na tha ri leughadh, Gu ’n d’ rinn am buaireadh ud an teumadh, Ghabh a’s dh’ ith iad dheth le chéile, ’S dh’ fhàg sud gun àite a’m phàras Dé iad. B’e sud an gniomh ’bha na pheacadh uamharr’, Bha dìmeas mòr air Ard-righ nan sluagh ann, ’S le aithne naomh-san a chur an suaraich’ Tha nis am bàs air faotainn buaidh orr’. Seall an tràs’ air se ’n cuspair truais e, Tha Dia a ghràidh dha na aobhar uamhais, A thrusgan àlluinn air a thoirt uaithe, ’S e toirt lamh air an duilleach fhuaigheal. Seall a nis air ’s e fàgail phàrais, ’S e làn do gheilt a’s do dh’ eagal tràilleil, Fo chraobh na beatha, cha ’n fhaigh e fàrdach, Ach ’s éigin teicheadh a mach o ’n ghàradh. Tha nis an sliochd a ghineadh uacha, Nan luchd compairt d’an nàdur truaillidh, ’S mar dhearbhadh làidir gu bràch do ’n t-sluagh air Nach fhaic sibh Abel ’s a bhrà’ir ga bhualadh. Tha an eucail so ’nis air sgaoileadh, Na luibhre bhàsmhor air feadh an t-saoghail, Gus an do thruaill i an cinne-daonna; A’s cha ’n ’eil Iudhach no Cinneach saor dhi. Cha ’n ’eil olc a bha riamh ’s an t-saoghal, Mort no marbhadh a bha measg dhaoine, [TD 5] Iodhal-aoraidh no cràbhadh saoibhe, Nach e ’m peacadh a’s mathair-aobhair. Chaidh an seann saoghal a sgrios le dìle, Loisgeadh Sòdom le teine mhillteach, Chaidh sluagh na h-Eipheit a bhàthadh a dh’ aon là, ’S e ’m peacadh gràineil is freumh do ’n iomlan. ’S e dh’ fhàg gun sòlas ga chur an céill mi, An roinn ro-shaibhir a fhuair mi féin dheth, ’S e thug do m’ shùilean bhi sileadh dhéuran, ’S a dh’ fhàg mi ’giùlan cridhe réubte. Is beag an t-ioghnadh mi bhi fo éislein, ’S gu ’r nàmhaid mhòr mo chridhe féin dhomh, An inntinn fheolmhor ’s an leoghan béucach, An aghaidh m’ anama a’ cur le chéile. Tha ’n lagh naomh a th’ againn sgriobhte, ’S na deich àitheanta’ gu bràch g’ ar dìteadh, Cha toir e tròcair a choidhch’, no sìth dhuinn, ’S cha nochd e fàbhar do dhaoine dìte. Dh’ fhàg am peacadh sinn cho ìosal, Ri neach fo fhiachan gun chomas diolaidh, ’S mar faigh sinn eolas no slàint’ o Iosa, Ni ’n lagh ar dìteadh do ’n t-slochd is isle. Sibhs’ a lean mi gu gàradh Eidein, A chluinntin sgeoil is cuis bhròin do cheudan, An teid sibh an tràs’ leam thun an t-sléibhe, A dh’ fhaicinn Slànuighear ga chéusadh. Ach molladh sìorrui’ do ’n Ti ’chaidh chéusadh, Nach d’ fhàg aig Sìnai sinn ’n ar n-éigin, Ach le fhuil phrìseil a rinn an réite, ’S mar sin d’a thrìd-san tha sìth ga h-éigheach. [TD 6] AN SOISGEUL. THA ’n soisgeul gu ro-ghràsmhor, ’S na làithean so dol mu ’n cuairt, Toirt cuireadh na slàinte, Do ’n àireamh is meas’ de ’n t-sluagh; Cha ’n ’eil e ’g iarraidh diolaidh, No ìobairtean fhaotain uainn, Ach umhlachd ’thoirt a’m fìrinn Do Chriosd o chridhe nuadh. O eisdibh-se le cùram, ’S le suim ris na tha e ’g ràdh, Oir tha e ’cur an céill duinn Gu ’n d’ thàinig Ceannard ar slàint, G’un d’ ghabh e cnaimh d ar cnàmhan A’s feòil mar a th’ againn féin, ’S gu ’n d’ thug e uaith a rìs iad Mar ìobairt do cheartas Dé. Chuir sgàil air a ghlòir A’s ’na thròcair thainig ’n ar feum, A shàoradh luchd-dò-bheairt Le ’n gòraich a reic iad féin, A chruinneachadh na ’n caorach Bh’ air faontra is fad o ’n treud, Gu ’n tional g’a chrò Chum an seòladh le guth a bhéil. ’S beag a bh’ ann ga fhàilteach’ ’N uair thàinig e steach do ’n t-saogh’l, Ach Simeon a’s Anna Fhuair earlais d’a shlàinte shàor, [TD 7] Thainig iad ’na chòmhail Le seòladh a spioraid féin, A’s labhair iad mar fhàidhean Ga fhàilteach’ ’an teampull Dé. Nach faic sibh Righ na ’n rìghrean Gu h-ìosal air glùn na mnà, An taice ris a chìch A casg ìota mar ni sliochd Adhaimh; An Ti ’chruthaich na saoghail ’S na nèamhan le ’n uile ghlòir, A fulang bhi air ìsleach’ Mar chìochran air bheagan treoir. ’N uair dh’ éirich e gu làithean Bha gràs a’ dealradh ’na ghnuis, Shruth feartan na slàinte Gu saibhir o ’uile ghniomh, Bha cumhachd a dhiadhachd A’ dealradh a mach gu mòr, Anns gach uile mhiorbhuil Riamh a rinn e ’s an fheòil. Ach fhulangais cha ’n àirmhear Gu bràch leis na tha fo ’n ghréin, Na dh’ fhuiling e ’s a ghàradh ’S ga thairneachadh ri crann-céus’, Gach masladh agus tàir O a namhaidean ’bha sgaiteach géur, A’s corraich an Ard-righ, A ghiùlain e ’n àit’ a thréud. Dhealbhadh leis an Trianaid O shìorruidheachd, innleachd slàint’, ’S tha i nis air criochnach’ Le iobairt ro-chruaidh a bhàis, [TD 8] Gach mallachd a bha duallach D’a shluagh-san air feadh gach ré, Ghiùlain e ’s an uair sin ’S thug buaidh air a chranna-chéus’. Rinn e ullmhachadh ’na bhàs dhuinn ’Tha saibhir do ghràsan saor, Tha beatha do na mairbh ann ’S tha braighdean ’g an cur fa sgaoil, Tha solas do na daoill ann A’s aoibhneas do luchd a bhròin, ’S tha beatha agus sìth Ann am fìrinnean glan a bheòil. Aig suipeir Mhic an Rìgh Tha gach ni ’tha sinne ’na fheum, Gheibhear raogha fìon ann Tha ’n fhìrinn a cur an ceill; Tha sud a’s aran beò ann Ni ’n deòraidh ’na dhuine treun, ’S tha bainne do ’n chloinn ann ’Tha caoimhneil airson am feum. Tha leigheas do gach creuchd ann ’S gach eucail ’gan deanadh slàn, Tha deise de ’n aodach Nach caochail ’s nach caith gu bràch, ’S ni feartan fuil a chumhnaint A’s ungadh spiorad na ’n gràs An t-anam ni’s sgiamhaich’ Na ghrian ’n uair is gloinne dears’. O! sibhse a bhlais d’a ghràsan ’S le ’n àill a bhi beò da ’n réir, Teichibh o gach ni ’Th’ air a dhìteadh a’m focal Dé, [TD 9] Teichibh o ’ur n-umhlachd, ’Ur dùrachd a’s ’ur deadh-bhéus, Dh’ ionnsuidh fuil a chumhnaint A dh’ ionnlaideas o gach béud. O! fanaibh dlùth do ’n t-Slànuighear ’S na fàilnichibh ann ’ur cuairt, Ge d’ robh tuiltean buairidh ’G ’ur cuartachadh iomadh uair, Crioslaichibh ’ur n-inntinn Le fìrinn a’s bheir sibh buaidh, A’ sealltuinn ris an Iobairt ’Thug dìoladh airson an t-sluaigh. Cha ’n e so ’ur còmhnuidh ’S cha shòlas dhuibh ’bhi ’s an t-saogh’l, Cha ’n ’eil ann ach fàsach ’S tha naimhdean ann air gach taobh, ’S ma leanas sibh ri Iosa Gu dìlis gun dol a thaoibh, ’S cinnteach sibh á dìmeas A’s mì-run o dhaoin’ an t-saogh’l. Tha sonas anns an t-saogh’l Aig na daoin’ air ’m bheil eagal Dé, Tha ’n coimhseas fein an sìth riu ’S tha ’n dìdean ’s an Iobairt-réit’. ’S ma thogas iad mar dh’ àithneadh Gach là orra an crann-céusd’, Gheibh iad cliù o’n Ard-rìgh A’s àit’ ann an oighreachd Dhé. O! beachdaichaibh a chàirdean Air gràdh iongantach mhic Dhé, Th’ ar leam nach fada sìorr’achd G’a inns’ anns an t-saoghal chéin, [TD 10] Seinnear sud le mìlltean Mu thiomchioll a chathrach féin, “Dhasan ’rinn dhinn rìghrean ’S a dh’ ionnlaid sinn ’na fhuil féin.” AMAIDEACHD NA H-OIGE. CHUM smuaintean cruaidh o m’ chadal mi, ’S neo shòlasach ri ’n aithris iad, Bhi ’cuimhneachadh air m’ amaideachd, A chleachd mi ’n làithean m’ òig’. Bhi cuimhneachadh, &c. Glan mharbh am peac’ ’s an éuceartan, Gun suim do lagh Mhic Dhé agam, No cridhe nuadh ’thoirt géille dha, Ach gluasad ’réir na feòl’. Mar asail fhia’ich gun cheannsachadh, ’S ann ghluais mi fein gu ceann-laidir, Gun suim, O! Rìgh, do t’ aitheantaibh, Ach naimhdeas ’n aghaidh do ghlòir. Le cridhe iargalt, ana-meineach, ’S e ’ghnàth co làn do chealgaireachd; ’S le ’mheud ’s bha dh’ olc ’s do dh’ aing’achd ann Cha ’n aithnichinn e air chòir. Le aigne làn de ’n tàlamh so, ’S an inntinn air a dalladh leis; ’S ann ’chaidh mo cheum air seacharan, ’S mi aineolach do m’ dheoin. An inntinn fheòlmhor atmhor ud, Le naimhdeas na seann nathrach innt, [TD 11] ’S an leoghan lùbach carach ud, ’Chuir mi cho fad’ o’n chòir. Bha sùgradh boath co milis leam, ’S bha eutromachd co cridheal leam, ’S na h-òrain dhiomhain, sgriosail sin Bhios tric mu bhòrd an òil. Bha ’n t-Sàbaid naomh na h-eallach leam, Ged’ ’s nàrach dhomh r’a àithris e— Bu chianail leam ’dol seachad i, ’S bu mhaith leam i air falbh. Ge b’ aingidh truagh a chleachduinn ud, Bu tearc iad riamh ’thug rabhadh dhomh, Ri fichead bliadhn’ a’s thairis air, An cleachduinnean na feòl’. A Dhé ’s e ’n t-ioghnadh t’ fhoighidinn, ’S do thròcair nach d’ thug thairis mi, Do bhuillibh géur do cheartais, A thaobh m’ aing’eachd ’bhi co mòr. O n’ dheònaich thu dhomh faireachduinn, ’S gu ’n d’ dhùisg thu o m’ throm-chadal mi, O deònaich gràs a’m pailteas ’chum, ’S nach fàilnicheadh mo threòir. O sgeadaich mi le t’ Fhìreantachd, A’s naomhaich trìd na fìrinn mi, Gus an gabh thu ’steach le d’ dhìllsean mi Do t’ ionnsuidh ’n rioghachd na glòir. O deònaich spiorad ùrnuigh dhomh, ’S biodh t’ fhocal ’na riaghailt stiùraidh dhomh, ’S gu gràsmhor dean-sa m’ ùrachadh Gach tràth le uisge beò. [TD 12] Tha buaireanan co lionmhor ann, Tha ’n saogha’l ’s an fheòil ga m’ dhian-ruagadh, ’S tha ’n nàmhaid leagail liontan ann Gu diomhair air mo thòir. Ach thus’ a sgoilt gu mìorbhuileach An Fhairge Ruadh roimh Israeil, Air sgàth do leinibh Iosa Dean mo dhion gu crìoch mo ròid A’s cum-sa dlùth ri t’ Fhocal mi, ’S do ghàirdean sìorruidh ’n taice rium, ’S biodh Spiorad Naomh do gheallaidh A’ toirt neart dhomh ’réir mo lò. Tha fiosrachadh gach lath’ agam Le claonadh ’measg luchd-aideachaidh A’ glaodh’ch gu h-àrd, “Bi faireachail, Tha nàmhaid air do thòir.” Tha mòran ’shaoil mi ’rachadh leam Trìd saor-ghràs chum na’m flaitheanas Air tionndadh ’nunn gu h-eallamh ’uam, ’Chum cleachdainnean na feòl’. Tha aobhar ’bhi fo amharus Nach gràs a dhùisg an aiteam ud, ’S nach d’ òl iad riamh le taitineas Gu pailt’ de ’n uisge bheò. Rinn cùram greim car tamul orr’, Le ’n coimhseas ’bhi toirt rabhadh dhoibh; ’S mar fhàs an fhearainn chlachaich, ’S ann a chrìon iad grad air falbh. O fuilgibh dhomh-sa labhairt ruibh, Gu cinnt’ tha deigh aig m’ anam air [TD 13] Gu ’m pill sibh ’rìs le h-aithreachas, ’S nach caill sibh rioghachd na glòir. O ciod an tràs’ chuir miothlachd oirbh? An d’ fhuaras coire an Iosa leibh? ’S e ’s maisich’ ’measg dheich mìltean, ’S a rioghachd tha làn do ghlòir Tha aitheantan naomh a’s eutrom, Tha beath’ a’s slàint’ gun traoghadh annt’; Tha gràdh, a’s sìth, a’s aoibhneas aig An dream a ghluais ’s a’ chòir. O nach truagh a’ mhalairt Bhi cur cùl ri Ios’ ’s r’a bheannachdan— Ri gràsan o na flaitheanais, ’S ri naomhachd agus glòir. Ach o n’ raoghnaich sibh ’na àite sin, Trom mhallachd Dhé bhi ghnàth oirbh, As fhearg bhi ’gabhail tàmh oirbh, A’m prìosan truagh a’ bhròin. Nach seall sibh féin air thoiseach oirbh, ’S an fhùrneis faicibh fosgailte, A’s sluagh gun àireamh ’losgadh innt’ Gun fhois ’s an teine bheò. ’S gu cinnt’ ’s e sud ’ur peanas-sa, Mar pill sibh ris le h-aithreachas, ’S e Dia e féin a labhair e, ’S cha ’n ath’raichear e ni’s mò. Nach cluinn sibh tha ’n ur dùsgadh mi, Nach truagh leibh iad ’s an cùl-’aobh ruibh, An nàmhaid ’na fhear-stiùraidh orr’ ’G an iomain dh’ ionnsuidh bròin. [TD 14] ’S nach b’ iomachaidh dhuibhs’ a chleachdainn A bh’ aig Stephen ’n uair a chlachadh e, Bhi ’g ùrnuigh ris an Athair Dh’ fheuch an tig iad fathast beò. Ach thus’ a ghairm gu h-éifeachdach Manaseh ’n righ o reubaltachd, A’s Pòl chuing na h-euceart Gu bhi eudmhor mu do ghlòir. O seall an deigh na h-aiteam ud Air sgàth do ghràsan cathranach; A’s deònaich féin dhoibh aithreachas Mar rinn thu do ’n mhac strògh’l ’S bidh gàirdeachas air flaitheanas Air pilltinn doibh le h-aithreachas, ’S a measg do shluaigh air thalamh so Bidh luath-ghàir agus ceòl. AN T-IASGAIR. THA m’ inntinn tric fo smuairean, ’S mi seòladh ’measg nan cuantan, A’s àit’ a dhol air uaigneas Cha d’ fhuaras dhomh ann; Ach daoine ’ghnà ri m’ aodan, Ri diomhanas ’s ri faoineis; ’S tha m’ inntinn-se cho eutrom, ’S gu ’n aom i mi gun taing. Cha ’n e so an t-iasgach ’Tha m’ inntinn-se ag iarraidh, ’S cha shàsaich e mo mhiann Ged a dh’ fhàsadh e ni b’ fhearr: [TD 15] B ’anns’ bhi ’g iasgach dhaoine Air iarrtas an Fhir-shaoraidh Measg chinneachan an t-saoghail Tha ’claonadh chum bàis. ’S na ’m bithinn-se air m’ fhuasgladh Mar bu mhiann leam aig an uair so, Cha bhithinn dol mu ’n cuairt Anns na cuantan gun tàmh; Ach rachainn feadh na Gaeltachd Le teachdaireachd na slàinte, A labhairt ris na cnàmhan Tha ’n tàmh anns gach gleann: ’S ged bhithinn cur le deuraibh, Feadh mhulaichean a’s shleibhtean, Bhiodh dòchas gu ’n éireadh e, ’Na dheigh sin an àird; ’S gu ’m faicte toradh àluinn A sheasadh là na dèuchainn, ’S a dh’ aidicheadh an Slànuighear Gu bràth mar a chlann. Cha ’n onair a’s cha mhòrchuis, ’S cha shaibhreas tha mi ’n tòir air, Ach anamaibh a thoirt beò Tha gun eòlas air slàint’: ’S an inntinnean a threòrach’, Le teagasgan na còrach, ’Thoirt umhlachd mar a sheòl e Gu deònach da àithnt’. Ged tha mi bochd a’s suarach, A’s anmhuinneachd ga m’chuartach’, ’S e ’n cumhachd thig a nuas M’ aobhar uaill anns gach càs— [TD 16] An Ti rinn Pòl cho feumail Le teachdaireachd na réite, ’S e ’chumhachd an ni ceudna ’Ni feum dhomh ’s gach àit’. Bheireadh sud do m’ chridhe leònta Gu mòr an tuille sòlais No ionmhas na Roinn-Eòrpa, Ged ’s mòr e aig càch; Gu ’n deanadh Righ na glòire Mo shlighe-se a’ threòrach’ Gu bhi feumail do na slòigh Tha gun eòlas air slàint: Cha ’n àicheidh mi gu gu bràth Nach eil an toil a lathair Ach dòigh sam bith gu dheanadh An tràs’ cha ’n ’eil ann; Ma chithear maith do ’n Ard-righ Thig meadhonan a lathair, A’s fàgaidh mis’ am bàta ’S na liontan le taing. CHUIR BEAN A MHINISTIR ’IC AOIDH ’AN ARAIN, NA RANNAN A LEANAS ANN A’ LITIR A DH’ IONNSUIDH DHOMHNUILL HENDRI, ’NUAIR A CHUAL’ I GU ’N ROBH E AIR A CHUR A MACH A SHEARMONACHADH AN T-SOISGEIL. Mo bheannachd chum an iasgair a nis o n’ fhuair thu t’ iarrtas Thoir t’ aghaidh air an Iar a tha cianail a’s fàs; Gach àit’ am faic thu daoine bi ’g innse mu ’n Fhear-shaoraidh ’S bheir eòlas air a ghaol-san dhoibh saorsa o ’n bhàs. Air leam gu ’r misneach àrd dhuit an turas bhi cho àghmhor, ’S an gealladh riamh nach d’ fhàilnich do Abr’am ’s da chloin ’Bhi cur an t-sìl a’s fearr ’measg eileanan na Gaeltachd, ’S thig frasan o na h-àrdaibh bheir fàs dha ’na àm.