[TD 631] [Dealbh] ‘Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. XXI.] AN NAOIDHEAMH MIOS, 1849. [R’A REIC AIR SON CEITHIR SGILLINN’ CONTENTS:—I. Opinions of a Hindoo of Scotland and the Scotch, page 631. II. The Ruins of Nineveh, page 640. III. Reflections on the Life and Death of Hugh M‘Leod, the Murderer, page 646. IV. Progress of Cholera—Directions for its Prevention and Cure, page 649. V. Duty of Cherishing a Merciful and Tolerant Disposition towards Inferiors, illustrated, page 653. VI. Gælic Proverbs (continued), page 655. VII. Public News:—Austria—Hungary and Italy—Canada—the United States—California—State of Trade and Markets, pages 658-62. I. AN T-INNSEANACH ’AN ALBUINN. [Chaidh an sgéul a leanas a sgrìobhadh le aon de luchd-àiteachaidh Innsean na h-Aird an Ear o cheann beagan bhliadhnachan, agus chaidh a chlò-bhualadh ’s a chur a mach ’s a’ Bhéurla; agus do bhrígh gu bheil iomadh ni air a thoirt air aghaidh ann o’m feud Gàedheil co maith ri Goill gliocas a tharruing tha sinn ag oidhirpeachadh a chur ’an Gàilic.] CHA tig an latha ’dhi-chuimhnicheas mi a’ mhaduinn air an d’ fhàg mi tigh m’ athar ’an còmhnard Dhelhi, agus a ghabh mi mo thurus gu Orissa a chum a bhi làthair aig Féill bhliadhnail an dé bhréige ro ainmeil sin, Juggernaut. Air mo chòmhdach le duslach, ’s le m’ chosan air am bruthadh ’s air am béubanachadh, rainig mi ’m baile naomha mu thuiteam gu anamoich; agus gun urrad ’us iarraidh air son chairtealan ’s an cuirinn seachad an oidhche, leig mi mi féin sìos air a’ ghainimh loisgich, mar a rinn na mìltean a bhàrr orm, agus gun chòmhdach air bith ach an t-iarmalt dù-ghorm, choidil mi gu suaimhneach! Cho luath ’s a nochd a’ ghrian i féin thog mi mo cheann, agus ghabh mi air m’ aghaidh a dh’ ionnsuidh an teampuill àillidh ’s am bheil an ìomhaigh eagallach air a gleidheil. Bha cheana gach aon air ghluasad, agus bha [TD 632] am baile air a dhomhlachadh le luchd-aoraidh o gach cearn de na h-Innsean, agus mòran diubh ullamh a chum iad féin a thilgeadh sìos gu bhi air am pronnadh fo chuibhlean a’ charbaid air a bheil an dia bréige air a ghiùlan! Bha ’n sìor ghluasad a bha ’m measg an t-sluaigh car coltach ri tonnan na fairge, agus bha fuaim mheasgta nan caochladh chànainean a bha iad a’ labhairt mar thoirm mhòrain uisgeachan. ’An déigh mòran fùcaidh ’us dinnidh rinn mi mo rathad roimh mheadhon an t-sluaigh gus an d’ rainig mi ’n teampull, agus aig geata na h-àird an ear sheas mi, a chum ’s gu’m bithinn deas gu mi féin a shléuchdadh agus gu aoradh a dheanamh co luath ’s a thigeadh Juggernaut ’s an t-sealladh. Cha robh mi fada ’s an t-suidheachadh ’n uair a chula mi glaodhaich ’us sgiamhail air mo chul-thaobh. Thug mi sùil agus an sin chunnaic mi neach ’na sheasamh fo sgàile craoibhe agus le mòr dhùrachd a’ labhairt riusan a bha mu’n cuairt dà; ach an àite éisdeachd a thoirt da ’s ann a rinn mòran diubh fanaid agus thionndaidh cuid eile an cùl ris. Dhlùthaich mi féin air an àite ’s an robh e ’na sheasamh; agus chuala mi e ’labhairt mar a leanas:—“Tha mis’ air teachd dar n-ionnsuidh mar theachdaire sìthe. Tha mi air mo chur thugaibh o dhùthaich fad as, a chum slighe na slàinte a dheanamh aithnichte dhuibh. Am Maighstir a tha mis’ a’ seirbhiseachadh ’se ’n Dia Uile-chumhachdach e—an Dia rinn an cruinne air a bheil sinn a’ gluasad—a sgaoil an t-athar àrd òs ar ceann—a thug beatha do gach créutair, agus bith do gach cuspair. Tha e ’g àithneadh dhòmhsa a chur an céill duibh nach diathan idir na h-iodhalan d’am bheil sibh a’ deanamh seirbhis—nach urrainn doibh, aon chuid, ùrnuighean éisdeachd no ’m freagairt—nach ’eil iad comasach air freasdal d’ur n-uireasbhuidhean, ur dìon o chunnart, no ur treòrachadh gu sonas; agus tha e ’g àithneadh dhuibh sgur do aoradh a thoirt doibh agus pilltinn r’a sheirbheis féin, a’s e ’n Dia beò agus fior. Féuchaibh (’s e ’togail an àird leabhar a bha ’na làimh) an teachdaireachd a chur Dia d’ur n-ionnsuidh-se, agus a dh’ ionnsuidh uile thrèubhan na talmhuinn. Ann an so tha e ’cur ’an céill gu’n do pheacaich sibh ’na aghaidh, agus gu’m bheil e ann an gruaim ruibh gach là air son ur peacannan; ach aig an àm cheudna tha e ’cur an céill cho toileach ’s a tha e gu ur n-éuceartan a mhaitheadh, agus gabhail ruibh; agus mar dhearbhadh air meud a’ ghràidh leis an do ghràdhaich e an cinne-daonna, cha do chaomhain e aon mhac a ghràidh, an Tighearn Iosa Criosd, ach chuir se e do ’n t-saoghal gu bàsachadh air son dhaoine peacach; agus rinn e so, mar a tha e féin ag innseadh dhuinn, a chum agus co air bith a chreideas ann nach biodh e air a sgrios, ach gu ’m biodh a’ bheatha mhaireannach aige. Eisdibh, agus mairidh ar n-anamaibh beò. Creidibh, agus bidh sibh air ur tearnadh. Oir is fior an ràdh so, agus is fiù e air gach aon chor gabhail ris, gu’n tainig Iosa Criosd do’n t-saoghal a thearnadh pheacach, eadhoin an ceud aon.” [TD 633] Dh’òl mise, mar gu’m b’ann, na briathran so suas le ìota mòr; ach dìreach aig an àm cheudna chualas dìosgan ’us sgreadail cuibhlean ’us aisealan a’ charbaid mhòir, a bha ’cur ’an céill gu ’n robh ’n giùlan a’ tarruing a’ m fagusg. ’S ann an sin a bha ghàir ’s an othail—gach aon a’ strì co b’ fhaisge gheibheadh do’n charbad chum ’s gu’m biodh a dh’ onoir aca na chuidicheadh a tharruing, no air a chuid bu lugha buntuinn ris; agus a chum cliù agus àgh sìorruidh a chosnadh dhoibh féin, luidh iomadh aon a sios gu bhi air am pronnadh fo na rothan! Thainig tiom’ air mo chridhe, agus dh’ fhàs mi tinn [Dealbh] leis an t-sealladh mhuladach. Cha d’ fhuair mi toileachadh air bith o’n t-seirbhis so, ged a bha mi ’g amharc air m’ aghaidh rithe le mòr fhiughair ré iomadh mìos’. Thionndaidh mi a leth-taobh gu meòrachadh air na chunnaic ’s air na chuala mi. “A bheil e comasach (deir mise rium féin) gu bheil na thuirt an coigreach so fior? An urrainn e bhi nach diathan a th’ann am Brama, no ann a Vishna, no’n Juggernaut—ìomhaighean do’n d’ rinn mo shinnsearan seirbhis o linn nan linntean; agus nach ’eil ann an teagasgan ar daoine glice ach faoin sgeulachdan? A féum mise, mu’n urrainn mi sonas sìorruidh a shealbhachadh, creidsinn anns gach teagasg nuadh a chuala mi o’n choigreach ud, ged nach ’eil fhios agam cia as a ta e, no cò an t-ùghdarras trìd a bheil e ’labhairt?” A’ beachd-smuaineachadh mar so bha mi ’sràidimeachd air m’ ais ’s air m’ aghaidh ri taobh a’ chladaich, gun suim de’n luathghair ’s de’n iolaich a bha ga’m ruigheachd air oiteig an anamoich. [TD 634] Mu dheireadh luidh mi sìos agus chaidil mi, ach dh’fhan m’ intinn ’na dùsgadh. ’Ar-leam gu’n robh an coigreach fathasd ’na sheasamh f’am chomhair, fo sgàile na craoibhe, leis an leabhar na làimh, agus na deòir a’ sruthadh o shuilean; gu’n d’ amhairc e orm féin le mòr thruas, agus gu ’n dubhairt e rìs a’m éisdeachd: “Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu’n tug e ’aon-ghin Mhic féin, chum as ge b’e neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gu’m bi a’ bheatha shìorruidh aige.” Agus an sin gu’n do chomharraich e mi féin a mach á measg chàich, ’s gu’n dubhairt e rium, “Creid, agus bidh tu air do thearnadh.” ’N uair a dhùisg mi bha ’ghrian a’ togail a cinn ’s an ear; agus air dhomh mi féin a choisrigeadh do’n dia do’n robh mi ’deanamh seirbhis ghabh mi sgrìob feadh a’ bhaile mhòir. Air dhomh oisein a thionndadh, cò ’chunnaic mi ach an coigreach, air a chuartachadh le àireamh lìonmhor sluaigh, agus e ’sparradh teagasgan an leabhair a bha ’na làimh orra le mòr dhùrachd. Aig taobh a mach na cuideachd thug mi fainear triùir de shagartan Juggernaut ag éisdeachd gach focal a bha air a labhairt le mòr iomagain ’n an gnùis. Fagusg do’ n àite ’s an robh an cruinneachadh so bha closaichean gràineil nan daoine cuthaich a thilg iad féin fo rothan a’ charbaid. “Feuchaibh (ars’ an coigreach ’s e ’comharrachadh riù le sgreamh, ’s le gruaim) toradh ur creidimh! Thugaibh fainear an t-seirbhis a tha e ’g iarraidh oirbh—na tabhartais an-iochdmhor agus fhuileachdach a tha e ’tagradh uaibh! ’S e ’cliù agus toilintinn ur diathan bréige bhi air an cuartachadh le cuirp bheubanaichte; agus ma bhuanaicheas sibhse ’n an seirbhis bheir iad sibh gu truaighe shiorruidh! Cha ’n ’eil an Dia a ta mise ’deanamh aithnichte dhuibh ag iarraidh an leithidean sud de iobairtean fuilteach. Cha ’n ’eil e ’g iarraidh ur ceud-ghin air son ur cionta, no toradh ur cuirp air son ciont’ ur n-anama. Tha e ’toirmeasg dhuibh, aon chuid, ur fuil féin no fuil ur cloinne a dhòrtadh; oir na nithean sin ’s fuathach leis. ’S e na bheil e ’g iarraidh oirbh gu’n gràdhaich sibh e le’r n-uile chridhe, gu’n dean sibh seirbhis da gu dìleas agus gu treibhdhireach, agus gu’n creid sibh ann am mac a ghràidh, Iosa Criosd, a chuir e uaithe.” Dh’ aithnich mi air gnùisean mòran diubhsan a bha ’làthair gu’n robh iad air an gluasad gu mòr. Mhothaich mi féin gràdh air lasadh ann am chridhe do ’n duine so nach d’ fhairich mi riamh roimhe. ’N uair a sguir e ’labhairt dhlùthaich mi air, agus leig mi m’ intinn ris da. Fhreagair e gu caoimhneil gach ceisd a chuir mi ris. An déigh mòran seanachais dh’ innis e dhomh c’ àit an robh e ’chòmhnuidh, agus b’ iomadh céilidh thaitneach a bh’ agam maille ris. Ann an aon de na seanachais a bha aguinn, dh’ fhòghlum mi uaithe gu’m buineadh e do dh’ Albuinn—gu’n robh e air a chur a mach do Hindostan le Comunn cràbhach a chaidh an co-bhoinn a chum an Soisgeul a chur a dh’ ionnsuidh nan cinneach sin aig nach ’eil eòlas air an Dia fhìor. Dh’ fhòghlum e dreuchd na ministirealachd anns an eaglais d’am buineadh e; agus cha ’n [TD 635] ’eil teagamh nach éireadh e gu meas ’s gu miagh ’na dhùthaich féin; ach bha ’innigh air a ghluasad le h-iochd, ’s le bàighealachd an uair a chual’ e gu’n robh muilleanan de ’n chinne-daonna ann an dùthchannan cian, aig nach robh aon chuid Bìobuill no luchd-teagaisg, agus mar sin a’ dol a mughadh a dhìobhail eòlais. Mar so air a ghluasad le gràdh do’n Tighearn’ Iosa agus do anamannan a cho-chréutairean, dhealaich e r’a àthair ’s r’a mhàthair, r’a pheathraichean, ’s r’a bhràithrean, seadh, r’a luchd-gaoil gu léir, agus thainig e do’n dùthaich fharsuing so, chum, ann an neart an Tighearna, an luchd-àiteachaidh a chur fa sgaoil o’n tràillealachd spioradail ’s a bheil iad. Bu tric a shuidh sin air bruachan uaine na h-aimhne mòire sin an Ganges, a’ seanachas mu chor brònach mo luchd-dùthcha—mu’n fhòirneart, ’s mu’n an-iochd a tha ’dol air aghaidh ’n am measg, ’s mu’n dorchadas leis a bheil iad air an còmhdach. Dh’innseadh e ’n sin domh mu gach sonas ’us saorsa a bha air an sealbhachadh le muinntir a dhùthcha féin. “’An sin (deir esan) tha ’n t-Sàbaid air a coimhead naomha—tha eaglais anns gach baile, far a bheil aoradh Dhé air a ghleidheil gu riaghailteach—tha ’m Bìobull anns gach teaghlach—tha ’chlann òg air an togail ann an eagal ’s an oilean an Tighearna. ’An sin tha Tighean-eiridin air son nan daoine tinne, agus Tighean-dìdein air son na muinntir a th’air an sàrachadh le uallach na h-aoise. Cha ’n fhaicear an sin sagartan le innealan peanais; oir tha iad uile fo ’n aon lagh, agus feudaidh gach aon suidhe sìos fo ’chrann-fige féin, gun neach ann a chuireas eagal air.” Riamh uaithe sin mhothaich mi iarrtas dìomhair ann am chridhe gu Albuinn fhaicinn. “Glacaidh mi rìs (deir mise) mo lorg agus gabhaidh mi mo thuras a dh’ ionnsuidh an eilein àghmhoir sin, far a bheil a liutha sochair air am mealtuinn; agus chì mi an cinneach sin aig nach ’eil leth-bhreac air aghaidh an t-saoghail.” Dh innis mi do m’ charaid an nì ’bha ’m bheachd, agus thug e dhomh gach seòladh a bhiodh féumail air mo thuras; a thuille air iomadh litir a dh’ ionnsuidh a chàirdean agus a luchd-eòlais ann an Albuinn. Mu thoiseach na bliadhna, 18—, ghabh mi mo chead de ghlinn uaine agus de dhoireachan cùbhraidh nan Innsean. Bha ’n long leis an do ghabh mi mo thuras-cuain ri tighinn cala-dhìreach do Chluaidh. Bhuineadh an sgiobadh uile do dh’ Albuinn; agus bha mi ro ghreadhnach ’n uair a fhuair mi mi féin ann am fochar cuideachd a bha uile (mar a shaoil mise) ’n an Criosduidhean. Ged a bha mi co deònach gu tighin air an turas so; gidheadh ’n uair a mhothaich mi gu’n robh cladaichean agus beanntan mo dhùthcha ’dol gu luath as mo shealladh, thainig tiom’ air mo chridhe agus shil mo shùilean; agus ’n uair a chuimhnich mi nach robh ach beagan bhòrdan (a bha nis a’ dìosgan ’s a’ bruasgail) eadar mi ’s an doimhne mhòr a bha fodham, ’ar-leam gu’n robh mi a m sheasamh air stairsnich na sìorruidheachd, agus gu’n robh mi ’call mo ghreim de’n t-saoghal a ta làthair! Ach cha do mhair na smuain- [TD 636] tean tiamhaidh so fada; oir an uair a chaidh a’ ghrian fodha, agus a shoillsich na mìltean réult an t-iarmalt, fhuair mi sealladh ùr air mòrachd agus cumhachd an Tì ghlòrmhoir a chuir ann iad, agus a tha ’g an sdiùradh ’n an cùrsa—bheachdaich mi air a ghliocas ’s air a mhaitheas-san mar a ta iad air am faicinn ann an oibribh a làmh; agus dh’ earb mi mi féin r’a chùram athaireil, a’ làn chreidsinn gu’n robh mi co tearuinte air druim a’ chuain ’s a bhithinn ’s an daingneach a’s làidire air tir-mòr. Chaidh seachduin an déigh seachduin seachad gun ni sònruichte air bith a thachairt. Chaith mi ’chuid mhòr de m’ ùine a’ léughadh nan Sgriobtuirean Naomha agus leabhraichean cràbhaidh eile, agus mar an ceudna a’ faotuinn an tuille eòlais air a’ Bhéurla. Bu tric a sheas mi air clàr uachdar na luinge ag amharc oirre a’ sgoltadh nan tonna dù-ghorm. ’N uair a sheallain a’m dhéigh ’s a chithinn an cobhar a’ mire air uachdar nan uisgeachan, ’sa’ chlais’ a rinn i chean’ air dùnadh suas, “Ah (theirinn rium féin) nach coltach so ri beatha mhic an duine!” “Mar shlighe luinge air a’ chuan, Mar chobhar aibhne nach bi buan, Ar beath’ mar so tha ruith gu luath, Gun stad, gun fhois gu bàs ’us uaigh.” An déigh dhomh ’bhi tacan ’an cuideachd an sgiobaidh chunnaic agus chuala mi iomadh nì a chuir mòran ìoghnaidh ’us mì-shuaimhneas orm; air chor ’s gu’n do shaoil mi nach b’i ’n soitheach ceart air an robh mi. Dh’fheoraich mi aon là de’n sgiobair cò ’n dùthaich d’am buineadh e? “Do dh’ Albuinn,” fhreagair e. “Agus am buin an sgiobadh uile do dh’ Albuinn?” “Buinidh.” “Ciod an creideamh a tha sibh ag aideachadh ’s an dùthaich sin? Shaoil mise gu’m b’e ’n creidimh Criosduidh a bha sibh ag aideachadh.” “’S e sin gun teagamh an creidimh aguinne; ach cha ’n ’eil mòran ùine aig maraichean gu feitheamh air cùisean de’n t-seòrsa sin. Féudadh daoine air tir-mòr, aig nach ’eil dad eile r’a dheanamh, a bhi cràbhaidh gu leòir, ach cha fhreagair do dhaoine a tha co tric an ’gàbhadh ruinne a bhi co meath-chridheach ’s a tha ’m Bìoull ag iarraidh!” Bha nis còrr ’us ceithir mìosan o na dh’ fhàg sinn na h-Innsean, agus cha ’n fhaca sinn sealladh de thìr ré na h-ùine sin ach aon eilean beag aig an do thaoghail sinn a chum uisg’ a thoirt air bòrd. Mu éiridh na gréine air maduinn àillidh mu thoiseach an t-samhraidh, ghlaodh fear innsidh nan uisgeachan, “Fearann! fearann!” Chaidh mi féin gu grad an àird, agus chunnaic mi, eadar mi ’s am fàire, na beanntan liath-ghorm a’ togail an cinn. ’N uair a fhuair mi ’cheud sealladh air Eilean Bhreatuinn, thainig diadhachd, saorsa, daonnachd, fòghlum, malairt, agus gaisgeadh a luchd-àiteachaidh gu grad a’m aire; agus shaoil leam gun robh gathan na gréine ni bu chiùine agus an t-àile ni b’ fhìor-ghloine na ’mhothaich mi riamh roimhe iad. Air an ath latha [TD 637] thainig sinn a stigh do Chluaidh,—amhainn eireachdail nach ’eil dad air deireadh air an Ganges. Aig beul na h-aimhne so choinnich bata-toit sinn a chuidich ar toirt gu Glascho. An uair a fhuair mi mo chas air tìr ’ar-leam gu’n robh mi mar chiomach air a chur fa sgaoil o ’chuing; agus ged nach faca mi urrad agus aon aghaidh a dh’ aithnich mi, mhothaich mi blàs agus tlus ann am chridhe do gach aon. Fhuair mi mach air an fheasgar a rainig mi aon de na daoin’-uaisle a dh’ ionnsuidh an robh litir leam. Bha ’n duine so ro chaoimhneil rium; agus air an oidhche sin féin thug e leis mi gu ’thigh samhraidh, a tha mu cheithir no cuig de mhìltean a mach as a’ bhaile mhòr; agus nochd e féin, a bhean, ’s a theaghlach dhomh gach càirdeas a bha ’n an comas. ’An latha ’n déigh dhomh ruigheachd b’e ’n t-Sàbaid e; agus mu bhriseadh na fàire bha mi air ghluasad. An déigh dhomh ùrnuìgh a chuir suas ri m’ Athair neamhaidh, agus taing a thoirt da air son ma thoirt sàbhailt o gach cunnart, chaidh mi ’mach mar bu ghnà leam, a ghabhail sràid fo fhionnaireachd na maidne. Cha ’n ’eil cainnt agamsa a’s urrainn maise agus mòralachd an t-seallaidh a bha r’a fhaicinn a chur an ceill. Bha feath nan eun a mach air an raon, agus a chruitheachd gu léir mar gu’m b’ann ’na codal; saor o na ceileirean sgiathach a bha nis a’ togail an lunneag mhaidne, agus fuaim shubhach na “teis bhinn” a’ bha nis ’s a rithis a’ bualadh a chum rabhadh a thoirt do’n phobull deasachadh air son seirbhis an ionaid naomha. Bha ’n ceò ag iadhadh mu ghuala agus mu mhullach nam beann. Bha na muillean mòra cotain air an dùnadh, ’s cha robh creutair beò r’a fhaicinn mu’n cuairt doibh ach an “—— —— —— —— gearran trom, Gun taod no teaghair ’g ionaltradh gu saor— Air lèud a dhroma ’cur nan car le strì, ’S a chruidhean ’boillsgnadh os a cheann ri gréin.” ’N uair a bha mi mar so a’ beachdachadh air gach cusbair mu’n cuairt domh, chuala mi gu h-obann ceòl fonnmhor, iollagach, agus fuaim nan drumaichean tartarach. Nan cluinninn an ceòl so air là air bith eile cha chuireadh e dad iongantais orm; ach air an là so a bha mar a shaoil mise air a chur gu h-uile air leith leis gach aon air son aoradh ’us moladh a thoirt do Dhia, chuir e ìoghnadh agus uamhas orm. “A bheil e comasach (deir mise rium féin) gu bheil armailt an nàmhaid ’sa’ choimhearsnachd, agus gu bheil na h-achaidhean àluinn a tha ’g an sgaoileadh féin mu’n cuairt orm, ri bhi gu grad air an saltairt fo chosaibh naimhdean! An e sud a’ chaismeachd a tha air a toirt do na h armailtean ullachadh a chum a’ chatha?” Phlll mi air m’ais gu grad agus dh’ innis mi do m’ charaid mar a bha. “Na cuireadh na chual thu dad gluasaid ort (deir esan). ’S ann o réiseamaid de’n arm aguinn fein a tha ’n tràs’ ’n an luidhe ’s a’ ghearasdan a tha ’sa’ bhail’ ud thall a thainig an ceòl. Tha e ’na chleachdadh aig an arm Bhreatunnach, ciod air bith àit’ a bheil iad, caismeachd de’n t-seòrs’ ud a thoirt seachad moch agus anamoch. Ged nach ’eil e idir taitneach leinn feumaidh [TD 638] sinn éisdeachd ris.” “Nach ’eil sibh (dh’ fheòraich mi) a’ teagasg firinnean a’ Bhìobuill do na saighdearan?” “Tha barrachd aire ga thoirt orra (deir esan) ’s a b’ àbhaist; ach ’na dhéigh sin ’s air fad tha iad ro ainneamh ’n am measg a tha toirt géill do theagasgan a’ Bhìobuill. Thà ’chuid mhòr de na h-oifigich air an deanamh suas de dhaoin’ òg, uaibhreach, àrdanach, aig nach ’eil eiseamail ri Dia no ri duine: agus a thaobh nan saighdearan cha ’n ’eil anns an àireamh a’s lìonmhoire dhiubh ach daoine gun chonn, a ghabh ’s an arm do bhrìgh nach b’ urrainn doibh socrachadh aig dreuchd air bith eile.” Bha sinn a nis ullamh gu dol do’n eaglais, a bha mu thrì mìle ’dh’astar uainn. Na bu lugha na uair de dh’ùine bha sinn aig an tigh-aoraidh. Cha tainig am ministear fathasd air aghaidh, agus bha ’n sluagh ’n am buidhnean an sud ’s an so—cuid diubh ’n an suidhe aig uaighean an càirdean nach maireann, ’s a’ turamanaich gu muladach; ach bha ’chuid mhòr a’ seanachas gu h-aighearach, sunndach mu chaochladh nithean aig nach robh dàimh air bith ri aobhar an cruinneachaidh. “Nach briagh’ an latha so,” arsa duine tlachdmhor coltach ri tuathanach, ri coimhearsnach ris an do dhlùthaich e? “’S eadh (fhreagair am fear eile), ach b’ fheaird an saoghal fras. Tha eagal orm féin ma bhuanaicheas an tiormachd so gu’n dean e dolaidh air a’ bhàrr. De mar ’tha na h-achaidhean ag amharc an taobh agaibhse?” “Dìreach meadhonach; tha ’m feur-saithe a’ fulang gu goirt, agus tha eagal orm ma leanas so gu’m bi innlin ro ghann ’sa’ gheamhradh. Tha aon aobhar taing aguinn gu bheil na prìsean a’ buanachadh co àrd; ach tha dòchas agam nach téid iad nas àirde; oir ma théid, fosg’lar na puirt, agus bidh an dùthaich air a bàthadh le cinneas rìoghachdan eile.” Ghluais mi ceum air m’ aghaidh agus sheas mi làmh ri banal ’ghilean ’us nigheanan, a bha ri mòran fearas-chuideachd. “An cuala sibh (arsa gil’ òg smearail) gu bheil Sìne bhàn ’na bean-bainnse?” “Cò ’us ise?” dh’ fheòraich ach beag gach aon a bha ’làthair. “Nach ’eil Fear Chreag-an-fhithich!” fhreagair e. “An e Alasdair Mòr?” ghlaodh iad uile ’mach. “A’ cheart fhear (fhreagair esan); tha cheann co liath ris a’ chaoirich, ’s cha ’n ’eil ach gann fiacail ’na cheann; ach tha e beairteach, agus tha i ’cur roi’pe gu’n gabh i e, ged a rinn a pàrantan na bha ’n an comas gu bacadh a chur oirre.” “’S e sin dìreach dòigh an t-saoghail (arsa nighean òg sgaiteach a bha ’s a’ chuideachd); iadsan aig a bheil saibhreas an t-saoghail buidhnidh iad an latha; ach gabhadh i air a h-aghaidh; tha mi ’creidsinn nach gabh i aithreachas ach aon uair, agus ’s e sin uile làithean a beatha; agus gu dearbh air mo shon féin, a chruaidhead ’s gan tig cùisean oirre cha ’n oil leam e.” Chuir na seanachais so da rìreadh mòr ìoghnadh orm; oir shaoil mise gu’m biodh cleachdadh an t-sluaigh a bha mar so air cruinneachadh gu aoradh a thoirt do’n Dia fhìor air a latha naomha féin tur eadar-dhealaichte o na chunnaic mi. Tha dòchas agam gu’n [TD 639] gabh mo léughadairean mo lethsgeul, ’n uair a dh’innseas mi dhoibh gu’n d’ fhairich mi gné de nàire ’n uair a shamhlaich mi gnathachadh an luchd-aoraidh leis an robh mi ’nis air mo chuartachadh ri gnàthachadh mo luchd-dùthcha féin. Bu tric a chunnaic mi na h-Innseanaich, ’an àm dlùthachadh air teampuill nan diathan bréige, a’ bualadh an uchd ’s a’ tilgeadh duslach air an cinn; ach bha ’n luchd-aoraidh a bha mu’m thimchioll aig an àm so ni bu choltaiche ri muinntir a bhiodh air cruinneachadh gu ionad-cluiche. Thainig am ministeir, agus ghreas iad uile stigh do’n eaglais mar gu’m faicte sgaoth de sgoileirean, agus ghabh iad an àitean-suidhe. Thòisich iad an sin air casdaich, ’s air cartadh an sgòrnan, mar gu’m biodh iad uile gu searmonachadh! Thug am ministeir a mach an t-Salm, agus ’n uair a sheinn iad beagan rannan thòisich e air ùrnuigh, agus ged nach do bhuanaich e thar fichead mionaid, thug mi fainear mòran diubhsan a bha dlùth dhomh ag amharc mu’n cuairt doibh mar nach biodh gnothach air bith acasan ri an t-seirbhis a bha ’dol air a h-aghaidh, ’n uair a bha cuid eile air suidhe sìos ’s air tuiteam ’n an cadal m’an do chriochnaich e! Fhad ’s a bha ’n t-searmoin (a bha a réir mo bheachdsa ro dhruighteach) ’ga liubhairt bha mòran tuille a’ sealltuinn orm féin na bha air a’ mhinisteir; agus ann an cearn eile de’n eaglais bha bean-uasal ’na suidhe aig an robh dos breagha itean ’na boineid, a tharruing aire nam boirionnach! Gu h-obann chuala mi ròchdail air mo chul-thaobh mar gu’m biodh neach ’ga thachdadh! Sùil gan d’ thug mi cò ’chunnaic mi ach an tuathanach a bha co togarrach a’ bruidhinn mu’n t-sìd ’s mu na margaidhean, le ’cheann leagta air a Bhìobull—aodann air at leis an teas—a bhéul leth fhosgailte; agus a dh’ aindeòin gach criomadh ’us crathadh a fhuair e uathasan a bha dlùth dhà, bhuanaich e ’s an t-suidheachadh so gus an robh an t-seirbhis fagusg do bhi crìochnaichte! ’N uair a chaidh an t-Salm mu dheireadh a sheinn, leum an coithional air am bonn a chlisgeadh. Rinn na fir greim air an adaichean, ’s theannaich na mnathan an cleòchdaichean mu’n cuairt orra. Shìn am ministeir am mach a làmhan mar gu’m biodh e ’cur ciall orra; ach cha d’ thug iad feairt air. Ann am mionaid bhruchd iad uile mach, mar gu’m biodh eagal orra gu’n robh an tigh-aoraidh gu tuiteam! Co luath ’s a fhuair mi ’n taobh muigh de ’n dorus, dh’ fheoraich mi de m’ charaid ciod a bha cearr? “Cha ’n ’eil dad cearr, ’ deir esan. “Agus ciod sud a thuirt am ministeir mu dheireadh nach do chuala mi?” “B’e sud am Beannachd,” deir esan. “Am Beannachd! (deir mise). An ann mar sud a tha sibh a gabhail ri Beannachd an t-sagairt? Co dhiubh a’s ann na ainm féin, no an ainm Dhé a chuir e ’an céill e?” “Ann an ainm na Trianaid ghlòrmhor (fhreagair e), an t-Athair, am Mac, agus an Spiorad Naomh,” agus aig an àm cheudna thug mi fainear gu’n tainig ruidheadh na ghruaidh mar gu’n gabhadh e plathadh nàire, agus da rìreadh bu bheag an t-ìoghnadh. [TD 640] Ghabh sinn a nis an rathad dhachaidh; ach cha robh sinn fad air ar n-aghaidh ’n uair a chòmhlaich carbad sinn anns an robh duin’-uasal òg a chuir fàilte chridheil air mo charaid, agus dh’innis e gu’n robh e ’gabhail seallaidh air an dùthaich, do bhrìgh gu’n robh ’n latha co teith ’s nach b’ urrainn e smuaineachadh air a bhi air a mhort ann an eaglais! “agus do bhrìgh (ars esan) ’s gu bheil duin’-uasal no dhà ri bhi leam aig mo dhinneir tha mi ann an deifir gu bhi aig an tigh an àm; oir ’s toigh leam daonnan m’ fhocal a chumail.” Leis a’ so dh’ fhàg e beannachd aig mo charaid—thug e ’chuip do na stéud-eich mheamnach, agus ann am priobadh bha e as an t-sealladh. Air eagal agus gu’n sgìthich mi mo luchd-léughaidh bidh mi ’co-dhunadh aig an àm so; ach theagamh mu’m fàg mi Albunn gu’m bi cothrom agam beagan eile a sgrìobhadh mu na chì agus mu na chluinneas mi a bhios taitneach dhoibhsan a dh’ fhàg mi ’m dhéigh. S. II. LARACH NINEBHEH. B’E Ninebheh aig aon àm ceann-bhaile Iompaireachd mhòr Asiria—an t-àite anns an do thuinich prionnsachan agus maithean na rìoghachd sin ré ioma linn; agus b’ e baile a bu mhò agus a bu shluaghmhoire a bha ’s an àm sin air aghaidh an t-saoghail. Tha e air innseadh dhuinn ann an leabhar Gheneses (x. 11.), gu’n deach Asur, aon de mhic Sheim, a mach o thìr Shinair, agus gu’n do “thog e Ninebheh;” ach cha ’n ’eil sinn a’ cluinntin tuille cunntais uime ’s na Sgriobtuirean Naomha gus an do chuireadh am faidhe Ionah le teachdaireachd o Dhia a dh’ ionnsuidh a luchd àiteachaidh, a chur an céill doibh gu’m biodh am baile air a sgrios an ceann “dà fhichead là,” do bhrìgh gu’n robh an ’aingidheachd air dol suas ’an làthair Tighearna nan sluagh. Tha Ionah a’ cur an céill gu’n robh ann an Ninebheh “tuilleadh agus sè fichead mìle pearsa (120,000), do nach b’ aithne an làmh dheas seach an làmh chlì,” ’se sin de chloinn bhig; air chor ’s nach b’ urrainn gu’n robh an luchd-àiteachaidh gu léir dad fo shea céud mìle sluaigh (600,000) ’an àireamh—a dhà urrad ’s a tha ’n Glascho! Bha e ’na “bhaile ro-mhòr, astar thrì làithean,” no trì fichead mìle mu ’n cuairt. Cha robh e idir coltach ri bailtean mòra nan làithean so—cha robh an luchd-àiteachaidh air am pacadh suas ann an sràidean cumhann, salach, far a bheil sea no seachd de theaghlaichean dòmhail a chòmhnuidh os ceann a chéile, mar a tha iad iad aig an àm so ’s na bailtean mòr a’s ainmeile ’s an Roinn-Eòrpa; oir cha ’n e mhàin gu’n robh sluagh lìonmhor ann, ach bha mar an céudna “mòran spréidh” ann. Mar so, ’n uair a bheir sinn [TD 641] fainear meudachd Ninebheh, agus mar an ceudna an teisteas a tha Nahum a’ toirt uimpe; ’se sin gu’n robh i ’na “cathair fhuiltich! uile ’na ceilg, làn de reubainn,” cha ’n ’eil e idir iongantach gu’n d’ oidhirpich duine iosal ann an inbhe ’s am misnich mar bha Ionah, air “teicheadh do Tharsis o fhianuis an Tighearna:” oir “bheir eagal duine ribe leis.” Ged a ghabh muinntir Ninebheh aithreachas fo shearmonachadh Ionah, agus a bha iad car ùine air an caomhanadh; gidheadh tha e coltach nach robh “am maitheas ach mar neul na maidne, agus mar an drùchd moch a shiubhlas air falbh:” oir glé ghoirid na dhéigh so tha ’n Tighearna, le béul nam fàidhean Nahum agus Sephaniah, a’ cur an céill “trom eallach Ninebheh”—ag innseadh gu’m biodh e air a dheanamh “’na làrach luim, tioram mar an fhàsach,” agus gu m biodh cumhachd agus mòralachd rìoghachd Asiria air an toirt gu làr. Tha Nahum ag ràdh mu dhéighin gu’m bu bhail’ e le mòran dhaingneach, le geatachan lìonmhor agus croinn-dhruididh—gu’n robh a luchd-malairt lìonmhor thar réultan neimh—gu’n robh ’phrionnsachan lìonmhor mar na locuist, agus nach robh crìoch air ionmhais. “So (arsa Sephaniah) a’ chathair luaghaireach a ghabh còmhnuidh gu tearuinte; a thubhairt ’na cridhe, Tha mi agus cha ’n ’eil ann ach mi. Cionnus a dh’ fhàs i ’na fàsach, ’na h-àite air son bheathaichean gu luidhe sìos ann!” A réir a’ chunntais a tha air a thoirt seachad le luchd-eachdraidh creideasach, bha ’n fhàidheadaireachd so air a coi’-lionadh o cheann dà mhìle agus ceithir chéud gu leth bliadhna. Chaidh rìgh Mhedia agus Phersia, agus Nabopolasar rìgh Bhabiloin ann an co-bhoinn ’an aghaidh Ninebheh, agus do bhrìgh gu’n robh tomhas aingidheachd a’ bhaile sin air a lìonadh, thug an Tighearna thairis e do làmhan a naimhdean. Thainig “esan a phronnas ann am bloighdibh a nìos fa comhair;” bha “fuaim slait-sgiùrsaidh, agus torman farum nan rothan, agus nan each meamnach, agus nan carbad leumnach” r’an cluinntin anns na sràidean; “bha geatachan na h-aimhne air am fosgladh, agus bha ’n lùchairt air a sgaoileadh;” “cha robh crìoch air na cairbhinnibh;” bha chreach airgid agus òir air “a glacail;” agus “cha chualas guth a teachdairean ni’s mò;” “chunnaic na cinnich a lom-nochduidh, agus na rìoghachdan a nàire.” Tha ’n cunntas a dh’ fhàg seann sgrìobhairean ’nan déigh, agus mar an céudna aithris an luchd-turuis sin a shiubhail troimh ’n àite, a’ còrdadh air dhòigh ro-chomharraichte ris na dh’ innis na fàidhean a bha gu tachairt. Tha e air a ràdh gu’n robh ballachan Ninebheh ceud troidh air àirde, trì fichead mìle mu’n cuairt, agus air a dhìon le cuig ceud deug tùr (1500)—gach aon diubh dà cheud troidh air àirde. Tha Lucian, aon de luchd-àiteachaidh Samosata dlùth air amhainn mhòir Euphrates, a sgrìobh mu cheud bliadhna an déigh bàs Chriosd, ag innseadh gu’n deach as do Ninebheh gu tur, agus nach b’ urrainn neach air bith innseadh urrad agus c’ àit an robh e ’na sheasamh. Ré nan ochd céud déug bliadhna a chaidh seachad o na sgrìobh [TD 642] Lucian, cha robh aithne air bith air Ninebheh ach a mhàin ann an ainm. Chaidh eadhoin a làraichean briste as an t-sealladh; agus an uair a bha luchd-turus agus daoine fòghluimte eile a’ tionndadh suas agus a’ rannsachadh gach nì bha air mhaireann de rìomhadh, ’s de mhòralachd na Gréig agus na Roimh, cha robh ach gann for’ais air bith ’ga dheanamh mu Ninebheh no mu Bhabilon, no oidhirp air bith air a toirt gus an t-àite ’s an do sheas lùchairtean greadhnach rìghrean Asiria agus Chaldea fhaotuinn a mach. O cheann beagan ùine thug cuid de’n luchd-turuis a thaoghail ’an Asiria fainear àireamh mòr de dhùintean ’s de tholmain air taobh na h-àirde tuath de’n amhainn sin ris an abrar an Tigris—amhainn a tha ruith ’s an aon chùrsa ri amhainn Euphrates; oir tha iad araon ag aonadh r’a chéile tacan maith mu’m bheil iad a’ taomadh a mach ann an Geodha mòr Phersia (Persian Gulf). Thug aon no dhà oidhirp air cladhach am measg nan dùintean ud, dh’fhéuch am faigheadh iad ni air bith a chuireadh solus air eachdraidh an àite ’s an àm a dh’ fhalbh; ach do bhrìgh nach robh aca gach goireas a bha iomchuidh a chum obair de ’n t-seòrsa a ghiùlan air a h-aghaidh, b’ éigin doibh sgur gun a bhi dad ni bu ghlice na bha iad an uair a thòisich iad. Air mullach aon de na dùintean so tha uaigh ris an abrar “Uaigh Ionah,” agus tha béul-aithris ag ràdh gur h-ann an so a bha am fàidhe air adhlacadh. Air do dhuin’ òg, tapaidh d’an ainm Layard, agus tha do nàsuin Fhrangaich, iomradh a chluinntin air na duintean ’s air na tolmain air an robh sinn a’ labhairt, thog e air a cheithir bliadhna na taice so, agus cha deach stad air a chois gus an d’ rainig e bruachan an Tigris. Cho luath ’sa rainig e ’n t-àite, ’s a dh’ amhairc e gu mion mu’n cuairt air gach coslas balla, agus tùir a bha r’am faicinn; agus air dha beagan phiocaidean agus shluasaidean a sholar, agus muinntireas a chur air leth-dusan de na h-Arabaich a tha fuireach mu’n àite, thòisich e air cladhach anns an aon a’s motha de na dùin, a tha mu ochd ceud deug troidh air fad, naoi ceud troidh air leud, agus cuig ’s trì fichead troidh air àirde. Cha deach iad fad’ air an aghaidh ’n uair a thachair iad air seòmraichean ro-eireachdail. Bha ballachan nan seòmraichean so air an deanamh suas de leachdan mìne air an robh dealbhan each agus charbadan cogaidh, saighdearan mar gu’m biodh iad ag caitheadh le’n saighdean, agus mòran gràbhalaidh eile de iomad seòrsa; ach a thaobh ’s gu’m b’ ann le teine a chaidh an tùr so a mhilleadh, mar a tha gu soilleir r’a fhaicinn, bha ’chuid mhòr de na seòmraichean air am briseadh, agus na leachdan air an losgadh gu h-aol. Ach ged a bha mòran de na leachdan ’s de na h-ìomhaidhean a thuit ’n an smùr co luath ’sa chaidh an rùsgadh, gidheadh bha feadhain co cruaidh, sleamhain, agus an gràbhaladh co soilleir, cuimir ’s a bha iad riamh! Bha cuid de na dealbhan a bha air an tilgeadh thairis le h-òr agus le nithibh luachmhor eile: agus ’n uair a chunnaic na h-Arabaich [TD 643] an t-òr cha robh teagamh aca nach b’ ann air tòir ulaidh, no ionmhas foluichte a bha Mr Layard: agus bha mòr ioghnadh orra, ’n uair a thuirt e riù gur clachan a bha esan ag iarraidh, agus gu’m feudadh iadsan gach òr agus airgiod a gheibheadh iad a ghleidheadh. Bha na daoine so, mar a tha sluagh na cearn’ sin gu léir, ro aineolach araon air eachdraidh an dùthcha féin agus dhùthchannan eile, agus mar sin cha b’ urrainn doibh a thuigsinn ciod an toileachadh no ’bhuannachd a bheireadh e do neach, a mhaoin agus ’ùine chaitheadh air nì a bha co faoin ’n am beachdsan. Cha d’ fhairich iadsan riamh an dian iarrtas a bha aig Mr Layard gu ni-éigin fhaotainn a chuireadh solus air cleachdadh agus suidheachadh nan Asirianach anns na linntean cian ’s an do labhair na fàidhean, agus air son an robh e nis “a’ rannsachadh mar air son ionmhas foluichte.” Goirid ’na dhéigh so chuir na Mahomadanaich a bha mu’n cuairt an àite stad air Mr Layard s air a chuid daoine, a’ cumail a mach gu’n robh iad a’ milleadh uaighean nam fior Chriosduidhean (na Mahomadanaich!): ach dhearbh Mr Layard gu ro sheòlta dhoibh nach b’ uaighean Chreidmheach a bh’annta; “oir (ars esan) nam b’ eadh-bhiodh an dara cuid an ceann no’n casan ri Meca (an t-àite ’s a bheil am fàidhe bréige Mahomad adhlaicte); ach tha sibh a’ faicinn nach ann mar sin a tha, agus air an aobhar sin féumaidh gur uaighean ana-creidmheach a th’ annta.” Leis a’ mhìneachadh so bha na Mahomadanaich làn riaraichte, agus cha do chuir iad tuille grabaidh air. Gidheadh chuir cuid eile de na cinn-chinnidh ioma bacadh air; ach le sìobhaltachd, ’s le gléusdachd fhuair e thairis orr’ uile. Aon là, ’n uair a bha iad a’ cladhach am measg nan làraichean, rùisg iad ìomhaigh shnaidhte de mheudachd mhòir. Cho luaith ’s a chunnaic na h-Arabaich ceann na h-ìomhaigh so, chrith iad le h-oillt agus thug dithis dhiubh as co luath ’s a ghiùlaineadh an casan iad a chum an sealladh eagallach a chunnaic iad a chur an céill d’an ceann-cinnidh. Ann am beagan ùine, ’n uair a bha Mr Layard a’ togail air falbh na h-ùrach a bha ’còmhdach na h-ìomhaidh, chual’ e talmraich chos a’ tarruing dlùth dha, agus ’n uair a thug e sùil os a cheann chunnaic e sgaoth de na h-Arabaich le’n ceann-feadhna, uile air mharcachd, ’n an seasamh air bruaich na claise. ’N uair a chunnaic iad ceann na h-ìomhaigh, ghlaodh iad le aon ghuth, “Cha ’n ’eil dia ann ach Dia, agus ’s e Mahomad ’Fhaidhe!” Cha chreideadh na h-Arabaich an toiseach nach b’e aon de na bòcain, no de na h-ùrraisgean air a bheil iomradh ro thric ann an seann sgéulachd an dùthcha ’bh’ ann; ach ’an déigh mòran iompaidh, ghlac an ceann-feadhna de mhisnich na theirinn do’n t-sloc. ’N uair a làimhsich e ’n ìomhaigh, ghlaodh e gu h-àrd, “Cha d’ rinneadh an obair so riamh le làmhan dhaoine,—’s iad na famhairean ana-creideach mu ’m bheil am Fàidhe, sìth gu’n robh maille ris! ag ràdh, gu’n robh iad na bu mhò na chraobh a b’ àirde ’s a’ choille—’s e so aon de na h-iodhalan a mhallaich [TD 644] Noah, sìth gu’n robh maille ris! roimh làithean na dìle;” agus anns a’ bheachd so dh’ aontaich gach Arabach a bha ’làthair. ’N uair a shocraich na cùisean thòisich an luchd-cladhaich a rithis, agus mu’n deach a ghrian fodha rùisg iad ìomhaigh eile de’n aon mheud, ’s de’n aon choltas ris a’ cheud aon! Aig na h-ìomhaighean so bha aghaidhean mar aghaidh duine, bha ’n cuirp agus an cosan mar leòmhain, agus bha sgiathan aca mar sgiathan iolaire. Bha gach aon diubh mu dhusan troidh air fad, agus mu ’n tuaiream cheudn’ air àirde! Leis an toil-intinn a ghabh Mr Layard ris na h-ìomhaighean so rinn e Féisd ro mhòr do na h-Arabaich air an oidhche sin, agus chaith e féin agus iadsan tacan maith ’an cuideachd a chéile, le mòr chridhealas agus ghreadhnachas. Chòmhdaich Mr Layard na h-ìomhaighean so thairis le peallagan ’s le lùirichean ioma-gnèthach, ’s chum e luchd-faire orra ’latha ’s a dh’ oidhche. “Is tric (arsa Mr Layard) a sheas mi ré iomad uair de thìom a’ dil bheachdachadh air na h-ìomhaighean mìorbhuileach so. Ré dhà mhìle gu leth bliadhna bha na samhlaidhean iongantach so air mòrachd rìoghachd Asiria air am folach o shealladh dhaoine; agus tha iad a nis air seasamh a mach ’nan seana mhòralachd aon uair eile! Ach O! cia mòr an t-atharrachadh a th’ air gach nì mu ’n cuairt doibh? Chaidh innleachd agus sògh a chinnich thréin a thuinnich aon uair ’s a’ mhòr-roinn so gu tur as an t-sealladh, agus tha iad air an leantuinn le bochduinn ’s le aineolas beagan de fhineachan borba! Tha beairteas nan teampull agus saibhreas nam bailtean mòra air an leantuinn le làraichean briste, ’s le dùintean salachair. Thairis air an t-seòmar anns an do sheas na dealbhan so chaidh an crann-treabhaidh, agus os an ceann ghearr corran a’ bhuanaiche an t-arbhar! Anns an Eiphit tha carrachan-cuimhne a ghléidh an làrach anns gach linn agus a bha ghnàth r’am faicinn a’ cur an céill a cumhachd, a h-uabhair ’s a h-innleachd ann an làithean a soirbheachaidh agus a cliù, ’n uair nach d’rinn na h-ìomhaighean so ach an cinn a thogail eadhoin a nis á ’n seòmraichean cadail udlaidh, a thogail fianuis leis an fhàidhe gu’m ‘bu chrann-seudair ann an Leabanon an t-Asirianach, le geugaibh maiseach, agus le sgàile dhorcha, agus le àirde mhòir; agus bha a bhàrr am measg nam meangana tiugha * * * dh’ éirich ’àirde suas os ceann uile chraobhan na machrach, agus bha a mheangana lìonmhor, agus dh’fhàs a gheugan fada, le lìonmhoireachd nan uisgeachan, an uair a sgaoil e mach. Rinn uile eunlaith nan speur an nid ’na gheugaibh, agus fuidh a gheugaibh rug uile bheathaichean na machrach an àlach, agus fuidh a sgàile ghabh cruinneachadh mhòran chinneach còmhnuidh. * * * * Air an aobhar sin, mar so tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gu’n d’ rinn e uaill as ’àirde, agus gu’n do chuir e suas a bhàrr ann am meadhon nan neul, agus gu bheil a chridhe air a thogail suas ’na àirde; uime sin thug mise thairis e do làimh aoin chumhachdaich nan cinneach: buinidh esan gu làidir ris, dh’ fhuadaich mise a mach e air son a chionta.’”—Esec. xxxi. [TD 645] Mu thoiseach an earraich, 1846, fhuaradh dà ìomhaigh mhòir eile, car coltach ris a’ cheud dithis; agus goirid ’na déigh sin rùisgeadh aon seòmar anns an d’ fhuaradh sea leòmhain deug, air an deanamh de mhiotailt ruadh, car coltach ri copar! Bha cuid diubh so nach robh thar oirleach air fad, agus cha robh an t-aon a bu mhò dhiubh ach gann troidh air fad; agus bha iad uile ro sgeineil, chumachdail. Cha ’n ’eil teagamh air bith nach b’iad so na diathan bréige do’n robh muinntir Ninebheh ag aoradh, agus tha e coltach gu’n robh na h-ìomhaidhean beaga so air an deanamh le luchd-ceird seòlta, coltach ri Demetrius an ceard-airgid, a bha ’deanamh beairteis air tàileadh saobh-chràbhadh an coimhearsnach. ’S iad so “an ìomhaigh shnaighte, agus an ìomhaigh leaghta,” a tha Nahum ag ràdh a ghearradh Iehòbhah “a mach á tigh nan dée:” agus da rìreadh tha na h-iomhaighean so a’ cur soluis ro iongantach air Nahum, ii. 11, 12. “C’àit am bheil còmhnuidh nan leòmhan, agus àite beathachaidh nan leòmhan òga? far an do ghluais an leòmhan, an seann leòmhan, agus cuilean an leòmhain, gun aon air bith a chur geilt orra. Réub an leòmhan gu leòir air son a chuileana, agus mharbh e air son a leòmhana-boirionn, agus lìon e thuill le cobhartach agus ’uaimh le creach.” Mar so tha e coltach, gu n robh ann an teampuil nan diathan bréige so, mar tha ghnàth ri fhaotuinn ’s gach àite de’n t-seòrsa, sagartan cuilbheartach a bha ’sìor sparradh air an luchd-aoraidh tabhartais a thoirt a steach a bhiodh freagarrach do chàil nan diathan, gus am biodh “an tuill air an lìonadh le cobhartach, agus an uaimhean le creich;” air chor ’s gu’n robh am pailteas aca féin a chum an cìocras a shàsachadh. ’N uair a chualas ’an Lunnainn an soirbheachadh a bh’aig Mr Layard a’m measg làraichean briste Ninebheh, chuir an Comunn aig a bheil riaghladh am British Museum airgiod d’a ionnsuidh a chum còmhnadh a dheanamh leis ’s an obair mhòir ud. Cha’n ’eil e ’n comas duinne aig an àm an deicheamh cuid de na rùisgeadh de sheòmraichean ’s de iomhaighean, de gach dealbh agus cumadh, a chur an céill! Air iarrtas a’ Chomuinn chéudna phac Mr Layard a’ chuid a b’ usa ’ghluasad de na h-iongantais a fhuair e ann am bocsaichean, agus ’an déigh mòran saothair ’us cosdais chaidh aig’ air an cur gu cladach, far an robh soitheach Breatunnach a’ feitheamh gu an gabhail air bòrd a chum an toirt do Lunnainn. An déigh dealbhan na cuid nach b’ urrainnnear a charachadh a tharruing air paipeir, chòmhdaich e le h-ùir iad, agus phill e do Shasunn, far a bheil e ’n tràs’ a’ sealbhachadh gach onoir a’s urrainn sgoileirean ainmeil a chàradh air. Cha ’n ’eil neach air bith a tha ’creidsinn gu’n do “labhair Dia o shean gu minic agus air iomadh dòigh leis na fàidhibh,” do nach toir na nithean a tha mar so air an toirt gu solus mòran misnich; oir tha iad ’n an dearbhadh làidir, maille ri iomadh aon eile de’n nàdur cheudna, gus an “téid nèamh agus an talamh thairis, nach teid aon lide no aon phuinc” de na labhair Dia “thairis, gus an coi’-lionar gach aon ni.” [TD 646] Biodh ar rìoghachd-ne a’ fòghlum gliocais o na làraichean briste air an robh sin a nis a’ beachdachadh. Ma chaidh “crann séudair Leabanoin” a leagail agus “a mheangain a bhriseadh,” gabhadh “crannaibh na frìthe” rabhadh, air eagal ’s gu’m bi iadsan mar an céudna “air an toirt thairis gu bàs.” Ma bha Ninebheh, “uile ’na ceilg agus làn de réubainn” air a caitheadh as le teine—ma “rinn Dia a h-uaigh a chionn gu’n robh i gràineil,” ciod a thachras do bhailtean mòra fuileachdach an àma so, nach ’eil a’ toirt géill do shearmonachadh “neach a’s mò na Ionah,” ’s nach ’eil a’ pilltinn “o’n fhòirneart a ta ’n an làmhan!” Tha eachdraidh nan Impireachdan a chaidh seachad a’ cur an céill gu soilleir gu’m féum rìoghachdan uaibhreach an t-saoghail tuiteam gu làr. Uime sin tha ’n Crìosduidh gu tric a’ miannachadh sgiathan a’ cholmain a bhi aige, chum gu’n itealaicheadh e air falbh ’s gu’m biodh e aig fois—far am faigh e làn sheilbh air an “oighreachd a ta neo-thruaillidh, agus neo-shalach, agus nach searg as, a tha air a coimhead ’s na nèamhaibh.” Ach ged a rachadh rìoghachdan an t-saoghail so as o na breitheanasaibh coitchionn mu’n robh sinn a’ labhairt, gidheadh tha ’n t-àm a teachd anns an “téid na neamhan agus an talamh thairis le toirm mhòir, agus anns an leaghar na dùilean le dian theas.” “O’n theid gach ni mar so a sgrios, Mar fhuair sinn fios o Dhia, Nach iomchuidh dhuinne deasachadh Fa chomhair teachd ar Triath? Cia naomh bu chòir dhuinn bhi gach uair ’Nar smuain’, nar cainnt ’s ’nar gniomh, ’Nuair tha ar sùil ri crich an t-saogh’l, ’S ri caochla gach aon ni?” S. III. EARAILEAN O BHEATHA EOGHAIN ’IC LEOID AM MORTAIR. THUG sinn sgéula ’s an Aireamh mu dheireadh mu ’n duine thruagh a bha ’n so. Ach is beag is feairde sinn a sgrìobhadh no a léughadh, mur h-eil sinn a’ tarruing gliocais uaithe—mur ’eil sinn a’ foghlum ni-eigin a bhios na mheadhon gu sinn féin a choimhead o’n pheacadh, ’s a ghleidheil dlùth do Dhia ann an irisleachd ’s ann an trèibh-dhireas. Agus ciod a tha aguinn ri ionnsachadh o’n eachdraidh ud? Tha iomad ni féumail. Ach an toiseach theireamaid facal no dha mu ni a chuala sinn air a ràdh a thaobh Mhic Leòid, agus mhòrain eile cosmhuil ris, a fhuair teagasg diadhaidh ’n an òige, ach a chaidh fada air seachran ’n uair a dh’fhàs iad suas. Their daoine gu minic, Ciod am maith a rinn teagasg na h-òige do Mhac Leoid, ’n uair nach do ghleidh e o’n mhort e? Ciod am maith a tha ann a bhi ’teagasg òigridh, ’n uair a chi sinn co minic clann dhaoine cràbhaidh—clann mhinisteirean ’us dhaoine fòghluimte—a’ tionndadh a mach co dona? [TD 647] Tha e soilleir gu ’n d’ rinn Mac Leòid, co maith ri mòran eile, droch bhuil, car ioma latha, de ’n fhoghlum a fhuair e. Ach abramaid, mar tha dòchas aguinn a dh’ fheudar a ràdh le firinn, gu ’n d’ thainig e gu aithreachas slàinteil roimh là a bhàis: nach robh an sin dearbhadh drùighteach air an fheum ’s air a’ mhaith a bha anns an teagasg dhiadhaidh a fhuair e ’na òige. Nach robh coi-lionadh a’ gheallaidh ’s a bheil an Tighearna ag ràdh, “Teagaisg leanabh air an t-slighe air an còir dha gluasad, ’s nuair a bhios e sean cha tréig e i?” Is minic, ’s ro mhinic, ann an cearnaidh chéin de’n t-saoghal, ann an seann aois, an déigh bhliadhnachan de mhi-bhéus ’s de mhi-dhiadhachd, a thàinig teagasgan, ’us earailean, ’us ùrnuighean na h-òige, a làthair do dh’ intinn a’ pheacaich le drùghadh, ’us le teòs, ’us le cumhachd, a rinn an cridhe cruaidh a leaghadh a sìos, agus an toil rag a lùbadh, agus fìor aithreachas a dhùsgadh. Ach abramaid, air an làimh eile, gu ’n robh Mac Leòid, agus mòran eile a bhuineas do phàrantan cràbhaidh, a’ dol a sìos do ’n t-sìorruidheachd gun atharrachadh, gun ath-nuadhachadh—dh’fheumadhmaid fios ro mhion a bhi aguinn air a’ cheart sdiùradh a fhuair iad an làithibh na h-òige, mu ’n rachamaid, air son am mearachd-san, a chuir gealladh Dhé ann an teagamh. Cha ’n e a mhàin eòlas mu phoncan a’ chreidimh a tha air iarraidh le Dia, ach teagasg air an t-slighe air an còir do ’n leanabh gluasad—ni a tha ’gabhail a steach mòran oilein, agus sdiùraidh, a thuille air eòlas. Cha ’n ’eil an gealladh air a thoirt do phàrantan air son iad féin a bhi diadhaidh, ach air son an clann a bhi air an teagasg air an t-slighe cheairt. Chunnaic sinn gu leòir de dhaoine a bha cràbhaidh iad féin—de mhinisteirean co maith ri feadhain eile—a bha air ro bheag tuigse ann an teagasg an cloinne—feadhain cosmhuil ri Eli o shean, a bha tuille ’us socharach, tais riutha—nach do ghabh riamh ri comhairle Sholaimh a thaobh an clann a chronachadh, agus a sgiùrsadh, ’n uair a bha sin féumail a chum am maith—feadhain eile, a rithis, a bha ’dol am mearachd co fad air an làimh eile—a bha cruaidh, neo-iochdmhor, borb, agus searbh riu. Mar so, ’an aghaidh earail Phòil, Colos. iii. 21—“’G am brosnachadh gu feirg, air dhòigh ’s gu bheil iad a’ call am misnich. Tha mòran phàrantan a’ dol am mearachd mar so; ach teagaisgeadh iad an clann air a’ cheart slighe air an còir dhoibh gluasad—togadh iad iad da rìreadh ann an oilein agus ann am fòghlum an Tighearn, agus chì iad—chì an saoghal, gu ’n seas a’ ghealladh-san, agus gu ’n coilionar e—gu ’n dean an teagasg sin, ’s an t-oilein sin, n’as luaithe no n’as moille drùghadh slàinteil air anama na cloinne sin gun fhàilin. Tha ’n eachdraidh bhrònach f’ar comhair a’ leigeil ris dhuinn gu ro shòleimte cia faicilleach ’sa bu chòir do’n òigridh a bhi a thaobh ceud thoiseachan a’ pheacaidh. Gu minic their iad—tha’n diabhol daonnan ga chur ’n an cluais—“Ciod a’ choire mhòr a tha ’n aon ghloine cridheil a ghabhail ged a bhiodh e beagan thar [TD 648] na còrach?—Ciod a mhòr choire a tha ann am beagan de bhaoth-shùgradh le nigheanan? Ciod am béud a tha ann an tasdan no dhà a thilgeadh air falbh ann an toilintinn?” ’S ann mar so a bha Mac Leòid bochd a labhairt ’s a’ reusanachadh mu ’n chùis. Ach cluinnibh a chainnt bhrònach—a chaoidh ghoirt, aig bonn na croiche, agus abraibh, a bheil e glic no sàbhailte dol a mheachranachd idir idir air a’ pheacadh. Cha robh e ’na bheachd-san, ’n uair a thòisich e air òl, no air leannanachd, gaduidheachd no mort a dheanamh, na’s mo na bha e dol a mach air an loch. Cha ’n ’eil duin’ air bith a’ toirt dui-léum an comhair a chinn a dh’ aon là ’s a’ pheacadh, mar so. Is ann céum air chéum—’s ann beagan air bheagan—a tha e air a tharruing a sìos do ’n t-slochd—a tha e air a dheanamh ’na làn thràill, air dhòigh ’s gu bheil e ’gabhail tlachd anns an t-seirbhis—anns na h-uamhuinn sin—a dheanadh aon uair a lionadh le oillt. Biomaid, mata, air ar faicill roimh ’n cheud chéum tuath-uil—roimh ’n cheud pheacadh—agus tha e furasda an t-ath chéum a sheachnadh. Tha e furasda an rathad ceart agus còmhnard a ghleidheil; ach rachamaid aon uair dheth, agus tha e cunnartach gu ’n teid sinn a sìos am bruthach mar chloich a ruith le gleann—tha e cunnartach gur h-ann ’an slochd an dubh-aigein a stadas sinn. Agus na nithean air an do thòisich Mac Leòid, is nithean iad ’s a bheil òigridh gu minic a gabhail tlachd, ’us as a bheil iad a’ deanamh bòsd. “Tha mòr chridhealas ’s an òl, ’s tha e na ni ro fhearail stòp a chur thairis, ’s tha e iomchuidh a bhi cuideachdail, aobhach, coltach ri muinntir eile.” Mar so tha na mìltean ag ràdh, agus anns a’ bhaoth bheachd so a’ tòiseachadh air a’ chleachduinn thruaigh sin a tha sgrios nam muilleinean, a thaobh anama agus cuirp. ’S e sin an cridhealas truagh, cridhealas a tha gu grad air a thionndadh gu gul us gu gìosgan fhiacal. “Tha e na ni ro thaitneach a bhi an cuideachd nigheanan, ’s a bhi sùgradh riuth.” Tha na mìltean ag ràdh mar so, agus ’an toiseach ga ’n toileachadh féin le amaideachd; ach tha ’n amaideachd am bitheantas a’ treòrachadh gu mì-bhéus, agus am mì-bhéus gu tàir, gu tàmailt, ’us gu truaighe. Agus is duilich leinn a ràdh, gu bheil am mì-bhéus, ’sa mhi-gheanmnuidheachd a’ fàs eagallach bitheanta ann an ioma cearnaidh de ’n Ghàedhealtachd. Oh! nach smuainich an òigridh ’na thràth air briathran an Dé naoimh agus Uile-chumhachdaich:—“Air luchd-strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.” Cha ’n ’eil cuid no seilbh aca ann an rìoghachd nèimh. An taobh a muigh tha gach ni a dh’ oibricheas gràineileachd. Agus mu ’n droch bhoirionnach tha e air a ràdh gur h-e “a tigh an t-slighe gu ifrinn, a’ dol a sìos gu seomraichean a’ bhàis,” Gnàth. vii. 27. Tha daoine òga a’ smaoineachadh gur suarrach an ni beagan ainmhich—ma tha rìomhadh ga ’n dìth, carson nach gabh iad e ged a bheil dòigh aca air dìoladh air a shon aig a’ cheart àm? Chuir an t-ainmheach Mac Leòid gu spùinneadh ’us gu mort. ’S tha e [TD 649] gach là a’ cur nam ficheadan gu iomad gnothach ìosal, tàireil, air an sealladh iad aon uair le gràin. Thugamaid an aire do dh’ earail an Abstoil, mata. “Na biodh fiachan aig neach air bith oirbh, ach a mhàin a chéile a ghradhachadh,” Rom. xiii. 8. A thaobh òl, us strògh, us mi-gheanmnuidheachd, éisdeadh gach neach ri teisteis Mhic Leòid mu ’n déighin, ’n uair a bha e air a’ chroich—“Mar neach o na mairbh, tha mi ’guidhe oirbh an t-uisge-beatha ’sheachnadh. Oh! an t-uisge-beatha! Ged a bhithinn-sa beò ceud bliadhna cha chuirinn gloine dheth ri ’m bhilean; agus na biodh cuideachd no còmhradh agaibh ri droch bhoirionnaich: ged a bhithinn beò ceud eile bliadhna, cha labhrainn facal ri h-aon diubh. ’S iad na nithean sin a thug mise gus an càs truagh ’s a bheil mi.” Smuainicheadh gach duin’ òg amaideach, a tha tòiseachdain air céuman a’ ghliocais agus na faicill a thréigsinn, air na briathran so. Coimhideadh e air an t-sealladh uamhasach a tha ann an so, agus guidheadh e le ’uile chridhe air Dia nan gràs a ghleidheil o òl, o strògh, ’s o mhi-gheanmnuidheachd. G. VI. CUNNTAS MU’N CHOLERA, AGUS SEOLAIDHEAN MU ’SHEACHNADH ’S MU ’LEIGHEAS. THA’N galar eagallach so, an déigh dha ar crìochan fhàgail car tamuill, air tilleadh air ais a rithis, agus a’ gearradh as mhòran an ioma cearna de ’r rìoghachd. Thàinig eutromachadh mòr air air feadh Bhreatunn deireadh an earraich, agus rè an t-samhraidh cha robh ach beag r’a chluinntinn m’ a dhéighinn. Bha e aig an àm sin ag imeachd air a shiubhal bàsmhor feadh rìoghachdan eile. Feadh America ghearr e as na mìltean, agus ’an ceanna-bhaile na Frainge rinn e sgrios anabarrach. Tha e a nis air tilleadh ri Breatunn. Ann an Lunnainn tha e o cheann sheachduinean a’ deanamh sgath trom, agus an ioma cearna de dh’ Albuinn ’us air feadh na Gàidhealtachd mar an ceudna tha e ’gearradh as dhaoine ’an sud ’san so. Tha e an Glascho—gu sònruichte an Grianaig. Tha e ann an Inbhirnis; agus chaochail triùir leis ann an Lochabar. Cha ’n ’eil ach beag fios aig daoine fathasd ciod a tha ’togail na plàigh mhiltich so, agus cha n ’eil leigheas cinnteach air bith air fhaghuinn a mach air a son. Ach tha ni no dhà mu na cùisean so a’s fiù ainmeachadh. Is ann as an Aird-an-Ear, á India, a thàinig e a stigh do ’n Roinn-Eòrpa an uraidh, agus mar an ceudna roimhe, ’n uair a nochd se e féin car a’ cheud uair, ’s e sin o cheann naoi bliadhn’ deug a nis—agus ni gle iongantach, is ann mu ’n aon àm de ’n bhliadhna a nochd e e féin ’s na h-aon àiteachan air an dà shiubhal. Mar so, is ann mu mhios meadhonach an t-samhraidh a bhris e amach ann an St. Petersburgh, ceanna-bhaile Russia, ’s a’ bhliadhna 1831, agus ’s a’ bhliadhna 1848; ’an ceud mhios an fhogharaidh ann am Berlin, ceanna-bhaile Phrussia, air an dà bhliadhna; agus ann am mìos deireannach an fhogharaidh ann an [TD 650] Lunnainn, air an dà bhliadhn’ ud. Mar so a thaobh iomad ’us iomad àit’ eile air am bheil cunntas aguinn. A rithis, an déigh eutromachadh mòr a thighin air ann an Lunnainn, ’s a’ bhliadhna 1831, an déigh am baile gu dearbh fhàgail, thill e air earrach na h-ath bhliadhna gu trom; agus tha e air ath-thilleadh am bliadhna, ach cuid mhaith na’s tràithe na rinn e air an turus roimhe. Tha so a’ leigeil ris dhuinn, ciod air bith na ceart aobhair a tha ga thogail, gu ’m féum gu bheil iad sin air tighinn mu ’n cuairt anns na h-aon àiteachan aig an aon àm; oir gun so cha ’n urrainn dhuinn a’ léirsinn ciamar a thigeadh e co riaghailteach do na h-aon chearnaibh. ’S e beachd dhaoine tuigseach am bitheantas mu ’n chùis a nis, gu bheil an galar so ag éiridh gu sònruichte o staid an àilidh no ’n adhair mu ’r timchioll; agus tha rannsachadh mion agus iongantach ga dheanadh air an àile neo-fhaicsinneach féin le daoin’ ionnsaichte, dh’ fheuch an dean iad a mach ciod am mùthadh, no ’n caochladh a tha air, ’n uair tha ’n Cholera bàsmhor, seach mar tha air ’n uair a tha na rìoghachdan saor dh’e. Ach tha ni eile a tha r’a thoirt fainear. ’N uair is e staid an adhair a tha ’togail a ghalair so, cha ’n ’eil e ga thogail do na h-uile. Feudaidh dithis a bhi taobh ri taobh—tha e ’bualadh an dara fir, agus tha ’m fear eile a’ seasamh. Feumaidh gu bheil ni eigin mata ann an càile, no ’n cor an dara duine, seach mar tha ’n cor duin’ eile, a tha ’ga dheanamh buailteach dha. Agus tha so fìor ach beag a thaobh gach galair. Is aithne dhuinn iad a bha ann an tighean-fiabhrais, ’s nach do ghabh fiabhras riamh. Is aithne dhuinn iad a ghabh e gu ro mhinic. ’S an dòigh cheudna mu ’n bhric—tha iad ann nach gabh i ged a bhios iad a rithis ’s a rithis ’n a luib—seadh, ged a tha lighichean ’ga cur orra thairis ’us thairis; ’s tha iad ann a ghabhas i gu trom air ghlé bheag aobhair. Tha ni-eigin ’s an dara duine, mata, seach ’s an duine eile—ni-eigin air am bheil staid an adhair a’ deanamh drùghaidh àraidh. Mar biodh e mar so, dh’fheumadh gu ’n deanadh e ’n aon drùghadh air na h-uile—dìreach mar a ni uisge gach duine ’chuirear fodha ann a bhàthadh, no ’n teine gach duine ’theid ’na mheasg a losgadh. Ach cha dean an teine a’ chlach a losgadh mar a ni i ’chòmhlach—cha dean i a’ chriadh a leaghadh mar a ni e air a’ chéir. Ni i caochladh drùighidh air, caochladh nithean a réir a’ chaochladh nàduir, no bhuaidhean a th’ aca. Mar so a thaobh staid an adhair aig an àm. Tha e ’togail an tinneis ri ’n abair sinn an Cholera ann am feadhain. Cha ’n ’eil e ’deanamh atharrachaidh air bith air feadhain eile. Féumaidh gu bheil so o chaochladh bhuaidhean, no nàduir, no càile, anns an dà sheòrsa sin. Agus ciod e an caochladh so? Na ’m biodh fios cinnteach air a so, bu ghnothuch mòr e. Bhiodh e furasda dìon agus ullmhachadh ’an aghaidh a’ ghalair. Ach cha ’n ’eil làn eòlas fathasd mu ’n chùis. Aig an àm cheudna, tha ni ’s ni a tha co dearbhta a nis mu ’n ghnothuch, ’s gu ’m feud sinn gabhail riuth mar fhirinnean socraichte. Tha salachar is mosaiche mu ’n phearsa, mu ’n tigh, [TD 651] no mu thimchioll an tighe, a’ deanamh dhaoine buailteach dha, ga thogail, ga sgaoileadh ’s ga dheanamh bàsmhor. 2. Tha fliuich-neachd ’us fuarrachd mar an ceudna ga thogail. 3. Tha allaban, us claoidh, us sgìos mòr o aobhar air bith ’ga thogail. 4. Tha biadh no deòch mi-fhallain, meas anabaich, tuille ’s a chòir de luibhean, mòran de dheoch ghéir ga thogail. Agus 5. Gu cinnteach tha òl na dibhe làidire—tha misg us mi-stuaim—ga thogail ’s ga dheanamh anabarrach bàsmhor. Tha fios aguinn gu ’n abair daoine thaobh nan nithean so nach ’eil iad daonnan a’ tachairt—gu bheil daoine salach ann an tighean àitidh fuarraidh—daoine tha faghuinn claoidh us claidirt ghoirt, aig am bheil biadh glé shuarrach, agus a tha misgeach, mi-chùramach anns gach ni, a’ dol as; agus daoine aig a bheil gach cothrom a thaobh cùraim agus seasgaireachd air an gearradh a sìos: agus mar so, nach ’eil féum a bhi ’gabhail dragha no saothair mu ’n chùis, ach cuid ar tuiteamas a ghabhail dh’ e na thig ’n ar caramh. Tha e fìor na leòir gu bheil na nithean so a’ tachairt air uairibh, ach is ann air uair ro ainmic da rìreadh; agus uime sin, tha e amaideach agus baoghalta do dhuine deanamh a réir an ni nach tachair ach aon uair anns a’ cheud, ’an àite deanamh a réir an ni a thachras naoi-deug agus ceithir fichead uair. Is aithne dhuinn iad a bha ann am fichead blàr fuilteach, bàsmhor, agus nach do chàill urrad agus boinne fola ann—a tha slàn, fallain, fad-shaoghalach; ach an abair duin’ air bith, air a shon so, nach ’eil an cogadh bàsmhor—gu bheil an àr-fhaich mhortaidh co freagarrach air son slàinte ’us saoghal fada ris a’ ghleann shìothchail, shàmhach. Is aithne dhuinn duine nach d rinn buille snàmh riamh a thuit trì uairean a mach air a’ mhuir, agus a chaidh a shàbhaladh. An abair duin’ air bith, air a shon so, gu bheil e tearuinte do dhuine nach snàmh dol a mach air a mhuir. Is aithne dhuinn duine ’tha co leisg, lunndach, ’s gur gann a rinn e car oibre riamh—duine da rìreamh a dhoichiolladh an t-saothair a bha na eudach a chur uime, agus a bha bliadhnachan air an dubh bhaigireachd. Fhuair an duine so sporan air an rathad mhòr, ’s an robh deadh thomad. Tha a nis croit fo stoc saoibhir aige, agus fhad ’s a mhaireas na bha ’s an sporan bithidh e, a réir coltais, gu socrach sàthach. Ach a bheil duin’ air bith a their uaithe so gu bheil an leisgein lunndach, slaodach, nach coisinn tasdan ’s an ràidhe, air slighe beairteis co cinnteach ris an duine thapaidh, dheanadach, a tha ’cosnadh gach là—a tha leantuinn a ghnothaich ri sìd ’s ri h-an-shìd? Cha ’n aithne dhuinn aon riaghailt shaoghalta—cha ’n aithne aon ni mu ghnothaichean aimsireil ri ’m feudar a ràdh gu bheil e neo-mhearachdach, neo-chaochlaideach, agus làn-chinnteach—cha ’n ’eil iad mar so. Ach tha iad seasmhach, cinnteach ni ’s leòir, gu leigeil ris do dhuine tuigseach air bith dé’n t-slighe ’bu chòir dha leantuinn—dé’n céum a bu chòir dha sheachnadh. Tha e dearbhta gu bheil misg us ruiteireachd—gu bheil biadh mi-fhallain—gu bheil salachar us mosaiche a’ togail a’ Cholera; cha ’n ann ’an aon àite [TD 652] ach anns gach cearna de’n Aird-an-Ear us ’n Iar—’s gach àite ’n do nochd e e féin. ’S e dleasnas dhaoine, mata, na nithean sin a sheachnadh—an seachnadh gu h-iomlan—a bhi làn-stuama—a bhi cùramach ciod a dh’itheas iad—a bhi seachnach air lobradh, no air anastachd a thaobh fuachd us fliuchaidh—a bhi cùramach mu ’n tighean a ghleidheadh glan, agus gach dùnan us grodlach a chur air falbh fada uatha, ruith a leigeadh do gach lub, us fé, us boglach, a tha dlùth do ’n dorsan. Mur dean iad so—mur gnàthaich iad na meadhonan sin a tha freagarrach air son an slàinte a dhìon ’s a ghleidheil a suas, tha iad ciontach a thaobh am beatha féin, agus beatha dhaoin’ eile mar an ceudna. Mu na leighis a tha ri ’n gnàthachadh, dh’ ainmich sinn ann an Aireamh roimhe de ’n Fhear-thathaich iad, agus gheibhear iad ’am bitheantas aig gach lighiche. Tha blàthas agus suathadh a’ chuirp le cùrainn, no flannel theith ’na ni iomchuidh. Tha beagan laudanum feumail, no mar ’eil sin r’a fhaotainn, branndi, no fìon le uisge teith us siucar féumail. Ach dh’iarramaid air gach duine a tha ’faireachduinn ni air bith coltach ri toiseach a’ ghalair so air féin, e chur air son lighiche gun dàil; agus dh’ earalaicheamaid iad ’an aghaidh bhi tuille ’s ullamh gu gach leigheas a leantuinn a bhios air a mholadh dhuibh le daoin’ aineolach. Chi sinn o àm gu h-àm ’s na pàipeirean-naigheachd féin seòlaidhean fo ainm leigheas a tha cunnartach cronail; ’s cha bu chòir do dhuin’ air bith ni a ghabhail, ach ni a tha air a bharantachadh dha le urrainn mheasail a bhi aig a’ chuid is lugha gun chron. Feudaidh sinn gach dòigh sheachnaidh a leantuinn, agus gach leigheas a ghnàthachadh—’s e ar dleasdanas sòleimte sin a dheanamh—ach ga’n aindeòin gu léir, chi sinn còrr uair iadsan a tha slàn, fallain—a tha stuama, measail—a tha air dheadh chàradh, agus làn-fhaicilleach, air an gearradh as leis a’ ghalar so, mar le galair eile, nach dean lighichean an t-saoghail a mhìneachadh no leigheas. Agus ciod a tha so a’ teagasg dhuinn, ach a bhi ghnàth ullamh gu còdhail a chumail ri ar Dia? Tha sinn ’na làmhan-san, buailteach gu bhi air ar gairm air falbh gach là, gach mionaid. Feudaidh an teachdaireachd tighin tré a’ ghalair so, no tré ghalar eile, ’n uair is lugha ar fiuthair ris. Iarramaid, mata, greim a dheanamh air a’ bheatha mhaireannaich, mar shaor thìodhlac Dhé tré Iosa Criosd, agus gluasad ann an naomhachd; an sin bithidh sinn sona co dhiubh a tha ar làithean fada no goirid air an talamh so. ’S e comhairle gach plàigh, gach galair, gach aoin ni a tha ’n Tighearna ar Dia a’ deanamh do ’r taobh—aithreachas a thaobh Dhé, agus creideamh a thaobh an Tighearna Iosa Criosd. G. [TD 653] V. DLEAS’NAS NAN UILE TROCAIR A NOCHDADH DO AON A CHEILE. THA Dia ’na fhocal naomh a’ sparradh oirnn maith a dheanamh a réir ar comais do na h-uile dhaoine. Tha Pòl a’ labhairt gu ro shoilleir air an dleas’nas so, far a bheil e a’ comhairleachadh nan uile, ag ràdh: “Ma dh’ fhéudas e bhi, mhèud ’s a tha e ’n comas duibh bithibh an sìth ris na h-uile dhaoinibh.” “Na ìocaibh olc air son uilc do dhuine sam bith.” “Uime sin, ma bhios do nàmhaid ocrach thoir biadh dha; ma bhios e ìotmhor thoir deoch dha.” Tha Criosd féin ag àithne dhuinn ar naimhdean a ghràdhachadh, ag ràdh: “Biodh gràdh agaibh do ur naimhdean, beannaichibh an dream a mhallaicheas sibh, deanaibh maith do na daoinibh air am beag sibh, agus deanaibh ùrnuigh air son na muinntir a ta buntuinn ruibh gu naimhdeil, agus a ta ’g ar géur-leanmhuinn.”—Mata v. 44. Feumaidh am fior Chriosduidh iochd agus tròcair a nochdadh, cha ’n e mhàin d’a chàirdean agus d’a luchd-eòlais féin, ach mar an céudna do’n choigreach an uair a thig e ’na rathad. Tha Maois a’ deanamh so soilleir an uair a tha e ’g ràdh: “Ma dh’fhàsas do bhràthair bochd, agus gu’n téid e dhéigh-laimh agad, an sin fuasglaidh tu air: seadh, ged is coigreach, no fear cuairt e; agus bithidh e beò maille riut.”—Lebh. xxv. 35. Air an làimh eile, cha ’n fheud muinntir a bhi deas gu coire fhaotuinn do aon a chéile, agus gus a bhi ’toirt breith air aon a chéile; oir buinidh dìoghaltas do’n Tighearna Dia. “Na tugaibh breith (deir an Slànuighear beannuichte) chum nach toirear breith oirbh: oir a réir na breith a bheir sibh bheirear breith oirbh: agus leis an tomhas le’n tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a rìs.”—Mata i. 2. Bha ’n duine fòghluimte agus innleachdach sin Franklin, a’ còmhradh aig am àraidh ri caraid, mu’n an-iochd, agus mu’n ghéur-leanmhuinn a bha co tric ’n am measgsan a bha ’g aideachadh creidimh Chriosd, agus mu’n mhasladh a bha iad a’ cur air a chreidimh le’n giùlan féin. Dh’ aidich an caraid gu’n robh na briathran aig Franklin ro fhìor. “Tha iad sin gun teagamh (arsa Franklin), mar a ta sgéul Abrahaim agus an duine bhochd a’ dearbhadh.” “Cha ’n ’eil beachd agam air an sgéul sin (deir am fear eile) aithris dhomh e.” “Ni mise sin (deir Franklin), a’ fosgladh leabhar cosmhuil ri Bìobull, as an do léugh e an sgéul a leanas.— CAIB. xvii. AGUS tharladh an déigh nan nithe sin, gu’n robh Abraham ’na shuidhe an dorus a bhùtha aig dol fodha na gréine. 2 Agus feuch, bha duine air cromadh le h-aois, a’ teachd a nìos as an fhàsach, a’ leigeadh a chudthrom air bata. 3 Agus dh’ éirich Abraham, agus chòmhlaich se e, agus thubhairt e ris, Teann a steach, guidheam ort, do thigh do sheirbhisich, [TD 654] agus ionlaid do chosan, agus fan ré na h-oidhche, agus éiridh tu gu moch ’sa’ mhaduinn agus théid thu air do thuras. 4 Ach thubhairt an duine, Ni h-eadh, ach fanaidh mi fuidh’n chraoibh so ré na h-oidhche. 5 Agus chomh-éignich Abraham e, agus thionndaidh e d’a ionnsuidh, agus chaidh iad le chéile a steach do’n bhùth; agus dheasaich Abraham aran neo-ghoirtichte, agus dh’ ith iad. 6 Agus an uair a chunnaic Abraham nach do bheannaich an duine Dia, thubhairt e ris, C’ar son nach ’eil thu deanamh aoraidh do’n Dia a’s àirde, Cruithfhear nèimh’ agus na talmhainn? 7 Agus fhreagair an duine, agus thubhairt e, Cha dean mise aoradh do d’ Dhia-sa, ni mò a ghairmeas mi air ainm; oir rinn mi dhomh féin Dia a ta ’fantuinn a ghnàth a’m thigh, agus ag ullachadh nan uile nithean air mo shon. 8 Agus las corruich Abrahaim an aghaidh an duine, agus dh’éirich e, agus bhuail e air, agus dh’ fhuadaich se e le buillibh do’n fhàsach. 9 Agus air a’ mheadhon-oidhche ghairm Dia air Abraham, ag ràdh, Abrahaim, c’àit a bheil an coigreach? 10 Agus fhreagair Abraham, agus thubhairt e, A Thighearna, cha deanadh e aoradh dhuit-sa, ni mò a ghairmeadh e air t-ainm; uime sin dh’ fhuadaich mise e do’n fhàsach, as mo shealladh, air son a chionta. 11 Agus thubhairt Dia, An do ghiùlain mise leis, céud, agus fichead, agus ochd bliadhna déug, agus an d’ altruim mi e, agus an do sgeadaich mi e, a dh’ aindeoin a cheannairc a’m aghaidh; agus nach b’ urrainn thusa a tha ’n ad’ pheacach thu féin, cur suas leis ré aoin oidhche? 12 Agus thubhairt Abraham, Na lasadh fearg mo Thighearna an aghaidh a sheirbhisich: feuch pheacaich mi, maith dhomh, guidheam ort, a mhàin an uair so. 13 Agus dh’ éirich e, agus chaidh e mach do’n fhàsach, agus dh’ iarr e gu dìchiollach an duine, agus fhuair se e. 14 Agus phill e maille ris a dh’ ionnsuidh a’ bhùtha; agus an uair a bhuin e gu càirdeil ris, chuir e uaithe e ’s a’ mhaduinn le tìodhlacaibh. 15 Agus labhair an Tighearna a rìs ri Abraham, ag ràdh, Air son do chionta ’s an nì so, bithidh do shliochd fuidh àmhghar ré cheithir cheud bliadhna ann an tìr choimhich. 16 Ach do bhrìgh gu’n d’ rinn thu aithreachas, saoraidh mise iad; agus thig iad a mach le cumhachd, agus le gàirdeachas cridhe, agus le maoin mhòir. So agaibh a nis an sgéul a dh’ aithris an duine urramach sin Frankin, agus ged nach ’eil ann ach cosamhlachd a rinn e suas á inntinn féin, gidheadh tha e ro fhreagarrach chum a dheanamh soilleir gur e dleas’nas nan uile iochd agus tròcair a nochdadh do aon a chéile, mar a tha an Tighearn Iehòbhah a’ sparradh ach beag air gach taobh duilleig d’a Fhocal Naomha féin. SGIATHANACH. [TD 655] VI. GNATH-FHOCAIL. Bhiodh tu co fad a’ gléusadh do phìob ’s a bhiodh fear eile ’seinn a phuirt. Bu dual do laogh an fhéidh ruith a bhi aige. Bithidh breith luath lochdach. Beiridh am beag tric air a’ mhòr ainmig. Bruidhinn bheag ’us fuaim dhorn. Béul a labhras ach gniomh a dhearbhas. B’i sin an réult ’s an oidhche dhoilleir. B’ e sin an seangan a’ toirt greim á gearran. Biodh mionach ar n-éisg aig ar n-eunaibh féin. Buail an tarrung air a ceann—no, Buail an t-iarrunn fhad ’sa tha e dearg. B’ e sin smèuran dubha ’s an Fhaoilteach. B’ iad sin na gràidh luatha ’s na fuathan tric—no, Cha d’ thug gaol luath nach d’thug fuath grad. Bu dual blas an ime a bhi air a’ bhlàthach. Bris mo chlaigeann air tùs ’s a rìs ciùrr mo chorrag. B’fhearr a bhi gun bhreith no bhi gun teagasg. B’fhearr cumail a muigh na cur a mach. B’fhearr gun tòiseachadh na sgur gun chrìochnachadh. B’fhearr a bhi gun fhàine na fàine luachrach. Bha là eil’ aig fear na bracha. B’ e sin freiteach a’ bhàird ris a’ chaisteal. Bi gu subhach, geanmnaidh, mochthr’ach, mosgalach ’san t-samhradh; ’us bi gu currachdach, brògach, brochanach ’sa’ gheamhradh. Bior a’ d’ dhorn féin na fàisg—ri d’ nàmhaid t easbhuidh na rùisg—rinn sginne ri t-fheòil na h-éisd—béisd nimh ri d’ bheò na dùisg. Breac á linne, slat á coille, ’s fiadh á fireach meirle de nach do ghabh duine riamh nàire. Beannachd ’nan siubhal ’s nan imeachd, ’s e ’n diugh Di-haoine ’s cha chluinn iad sinne. Bithidh Di-haoine ’an aghaidh na seachduinn. + B’e sin greim de’n easgainn air a h-earr. + Bithidh an fhìrinn féin searbh air uairean. + Bu cho maith dhuit dol a dh’ iasgach gun bhoit ’s dol gu cùirt gun sporan. + Bi ’t-fhaicill air teanga mhilis oir ’s tric a lot i gus a’ chridhe. + Bheir eudòchas misneach do ghealtaire. C Cha ’n ann a h-uile latha bhios mòd aig Mac-an-Tòisich. Cha ’n e ceud sgéul an t-sagairt a bu chòir a chreidsin. Cha tig am bàs gun leisgeul. Cha cheòl do dhuine a bhròn uile aithris. Cha toir muir no monadh a chuid o dhuine sona. [TD 656] Cha do bhris deadh urram ceann duine riamh. Cha ’n fheudar a bhò a reic ’s a bainn’ òl. Cha chuirear gad air gealladh. Cha robh duine riamh gun dà latha. Cha ’n ’eil fealladh ann a’s mò no gealladh gun cho-ghealladh. Cha teid fiachan air béul dùinte. Cuiridh an teanga snaom nach fuasgail fiacail. Cha ghiùlain soitheach ach a làn. Cha ’n ann leis a’ chéud bhuile a thuiteas a’ chraobh. Cha d’ éug duine saibhir riamh gun dìlibich. Cha robh caraid riamh aig duine bochd. Cluinidh am bodhar fuaim an airgid. Cha ’n fhearr séud na ’luach. Cha dean cridhe misgeach bréug. Cò ’b’ fhear a b’ aithne an cat a thoirt as a’ mhuighe no’m fear a chuir ann e. Cha d’ fhuiling fuachd nach d’ fhuair teas. Cha tig a nuas an nì nach ’eil shuas. Cha ’n uaisle duine no ’cheird—no, Cha ’n uaisle mac rìgh n’a chuid. Cha ’n fhiach sagart gun chléireach. Cha do mheall e ach na dh’ earb as. Cha truagh cù ’us marag mu amhaich. Cha lean an sionnach air sìor ruith. Cha ’n ’eil ann ach gach uan nas duibhe na ’mhàthair. Cha tig an còta glas co maith do na h-uile fear. Cha tàinig ubh mòr riamh á nead an dreòlain. Cha dean mi dà chliamhain do m’ aon nighinn. Cha ’n ’eil tuil air nach tig traoghadh. Cha ruig am beagan fuilt air cùl a’ chinn ’s air clàr an eudain. Cumaidh a’ mhuc a fail féin glan. Co dhiubh air srath no’ gleann ’s ann as a ceann a bhleodhnar a’ bhò. Cha ’n ’eil ach rabhadh gun fhuasgladh ann am bruadar na h-oidhche. Cha robh dithis riamh a’ fadadh teine nach do las eatorra. Cha ’n ’eil dùthchas aig mnaibh no aig sagairt. Cha dean am bodach bréug ’s a chlann a stigh. Cha toill iarrtas achmhasan. Cha ’n ’eil fios ciod an lann a tha ’s an truaill gus an tarruingear i. Ceannsachaidh na h-uile fear an droch bhean ach a fear aig a bheil i. Cha ’n ’eil greim ri ghabhail de dh’ uisge no ’theine. Cha mhisde sgéul maith aithris dà uair. Cha robh maith no olc riamh gun mhnai’ uime. Cha ’n ’eil mo theanga fo d’ chrios. Cha luaithe duine g’a leas no g’a aimhleas. [TD 657] Cha leig an leisg d’a deòin duin’ air slighe chòir am feasd. Cha ’n fhaide uchdach na leathad. Ceist bradaig air bréugaig. Cha ’n aithnich thu ’n t-each breac mar faic thu e. Ciod a b’ àill leat fhaghuinn ann an nead an fhithich ach am fitheach féin. Cha ’n fhad’ uait a chuir thu ’n athais. Cha ’n e gogadh nan ceann a ni ’n t-iomram. Cha sgail cù roimh chnaimh. Cò air bith is coireach ’s mis’ an cneadhach. Co sgìth ’s a bha ’n losgann riamh de’n chliath-chliathaidh. Cha dean corrag mhilis ìm no glutaire càise. Cha ’n e ’cheannach a rinn e. Ceannaich mar t-fheum ’us reic mar t-ailgheas. Chì dithis rud nach fhaic a h-aon. Cha robh thu riamh gun do bhiadh ’s a’ mhuillean. Cha ’n ’eil ann ach bò mhaol odhar ’s bò odhar mhaol. Comhairle caraid gun a h-iaraidh cha d’ fhuair i riamh am meas bu chòir dh’i. Cha robh thu stigh an uair a chaidh am modh a roinn. Cha ’n fhiach duine gun neart gun innleachd. Cha tuit caoran á cliabh falamh. Cha’n fhidir an sàitheach an seang, ’s mairg a bhiodh ’na thràill d’a bhroinn. Cha bhi miann dithis air aon mhèis. Cha bhi nair’ air caol gortach. Cha ’n fhacas riamh aighear mòr nach robh ’na dhéigh dubh-bhròn—no, Cha tàinig gaoth mhòr riamh gun uisge ’na déigh. Cha chreidear fear fial gus an ruigear a chùl. Cuidich féin leat ’s cuidichidh Dia leat. Cha deanar leas caraid gun saothair. Cha mhac an àit’ an athar thu. Cleas gille nan cuall, cuall bheag ’us tighin tric. Cha do chuir Fionn riamh blàr gun chumha. Cha daor am biadh ma gheibhear e. Cha tig fuachd gu h-earrach, cruaidh-chàs no daor cheannach. Cha robh “so” riamh gun mhaoidheadh. Cha chinn barrag air cuid cait. Cha ’n ’eil agams’ ach osan gearr ach tha triubhas fhad’ agadsa dh’e. Cha do chuir Dia beul riamh a chum an t-saoghail gun a chuid fa chomhair. Cagar na ban-ghrudaire. Chailleadh tu do chluasan mar biodh iad ceangailte riut. Cum an Fhéill air an latha. Cha deach ceann fir-tighe maith riamh air an otrach. Cha luaithe ’sguireas an tinn diot no thòisicheas an tachas ort. Cha ’n ’eil uaill an aghaidh na tairbhe. [TD 658] VII. COMHRADH EADAR EOGHAN AGUS AM MAIGHSTIR-SGOILE MU GHNOTHAICHEAN COITCHIONN AN T-SAOGHAIL. Eoghan. Coinne mhaith dhuibh. ’S fhada nis o na thainig mi ’n ar caramh, ’s tha fadal mòr orm gus an cluinn mi uaithibh ciamar a tha gnothaichean a’ dol air feadh an t-saoghail. Maighstir-Sgoile. Tha sgéul r’a innseadh air an t-saoghal a ghabhadh tuille na aon là ’ga aithris; ach ciod a chearna dh’e ’tha ’cur iomaguin shònruichte ort Eoghain? E. Tha toil agam a chluintinn an toiseach, ma’s e ar toil e, mu thimchioll a’ Phàpa—ciamar a tha dol dhàsan o cheann grathuinn—an deach’ e fathasd air ais gu baile nan seachd sliabh? M. Cha deachaidh e. Tha e fathasd ann an Gaeta, agus cha tug e urrad agus ionnsuidh air dol air ais do’n Ròimh. E. Nach ’eil sin glé iongantach agus na Frangaich an déigh an dorus fhosgladh dha? M. Feudaidh an dorus a bhi fosgailte, agus gun e bhi ro thaitneach no sàbhailte dol a stigh ’na dhéigh sin gu léir. Tha na Frangaich an déigh a thoirt air na Ròmanaich an airm a leigeil a sìos: ach cha ’n ’eil na Ròmanaich toileach gu ’m biodh iad ’na leithid de thràillealachd ’s a bha iad fuidhe roimhe so. ’S cha mhò tha na Frangaich ag iarraidh orra strìochdadh dha so. Tha luchd-sdiùraidh a’ Phàpa air son gach ni ’chur na sheann àite—gach ponnc ’us lide de na riaghailtean a bha ann ath-ùrachadh mar a bha iad riamh. Ach tha na Frangaich ’n uair a tha iad deònach gu’m biodh am Pàpa ’na uachdaran air an Ròimh’ ag iarraidh mòran ath-leasachaidh a dheanamh air a dhòigh-sdiùraidh—agus mòran tuille saorsa thoirt do’n t sluagh. Cha ’n ’eil esan, no a chomhairlichean ag aontachadh leis a so. Aig an àm tha mòran fuarlaineachd eadar iad féin agus na Frangaich. Tha iadsan le’n armailt anns a’ bhaile agus a réir coltais cha ’n ’eil cabhag airsan gu dol an sin gus an gabh iadsan an turas. E. An ann mar so a tha? Tha na Frangaich a dol a dheanamh nas fearr na bha choltas orra an déigh na h-uile rud a th’ann. Ach nam biodh esan glic thilleadh e ’n uair a tha ’n cothrom aige. Chuala sinn uile “Am fear nach gabh ’n uair a gheibh cha’n fhaigh ’n uair is àill.” Cha b’ ioghnadh leam ged a ghleidheadh iad an Ròimh dhoibh féin; agus a leigeadh iad leis-san a bhi air an allaban. M. Cha’n ’eil cunnart gu’n dean iad sin tha mi’n dùil; ach bha an gnàthachadh ’s a’ chùis so iongantach o thoiseach, ’s cha ’n ’eil fhios aig duin’ air bith ciamar a chrìochnaicheas e. ’S e nas urrainnear a ràdh mu’n déighin nach d’ rinn iad co buileach dona ’sa dh’ fheudadh iad. Tha iad coltach ri bhi ’gabhail nàire de na rinn iad, agus theagamh gu bheil iad a’ smaoineachadh a h-uile seòrsa a thoileachadh a nis leis an dòigh chlàraidh so a dhea mh air daorsa ’s air saorsa. Ach cha ’n ’eil e coltach gu’n téid e leò. [TD 659] Tha e ro mhì-choltach gu’n ceadaich Ceann-Eaglais na Ròimhe ’na bhaile, ’s na dhùthaich féin a leithid de riaghailtean saorsa ’sa tha tha na Frangaich ag iarraidh; ’s cha b’ ionghnadh leam idir ged am biodh an iorghuill fathasd ach ’na toiseach. Cha b’ ionghnadh ged a gheibheadh na Frangaich fhéin droch bhuile, mar is minic a fhuair fear na h-eadraigin. Ach cha ’n ’eil féum a bhi ’toirt barail mu’n chùis gus am faic sinn a crìoch. Tha na nithean a’s eu-coltaiche a’ tachairt gach là ’s na bliadhnachan a tha ann. E. Tha ’chùis mar sin gu dearbh: ach bithidh dòchas aguinn gur maith a thig asda air a’ cheann mu dheireadh, ged is glé dhaor a tha e air a cheannach leòsan a tha air an creachadh, ’s air am mort leis na cogainnean uamhasach a tha ’dol. Ach ciamar a tha dol do dh’ Austria ’s do Hungaray? Is duilich leam a chluinntinn gu’m b’ éigin do na Hungarianaich bhochd strìochdadh an déigh cath co duineil. M, B’ fheudar do’n chuid mhòr dhiubh géilleachdainn, ged a tha beagan dhiubh fathasd a’ gleidheil daingneach no dhà ag ràdh nach strìochd iad fhad ’s is beò iad. Ciod a thig ris an rìoghachd fathasd tha e duilich a ràdh. Ach ’s gnothach glé bhochd gu’m bheil buidhnean dhiubh féin a’ cur as da chéile aig an àm, agus nach ’eil a choltas orra tighin gu socair no sàmhchair ’an cabhaig. E. Ud! ud! Shaoil mi gu’m biodh iad dìleas, daimheil d’a chéile co dhiubh. Ach ciod na cùmhnantan a tha na h-Austrianaich a’ tairgsin dhoibh? A bheil iad a’ deanamh peanas trom orra air son na h-aisith? M. Cha ’n ’eil e co trom ’s a dh’ fheudadh e bhi; ach cha ’n ’eil teagamh nach meas iadsan a tha ga fhulang trom nas leòir e. Tha na cinn-fheadhna, no gu h-àraidh cuid diubh air an cur gu bàs; ach tha saor mhaitheanas air a thoirt do na saighdearan, agus tha cùmhnantan maithe air an tairgse do mhuinntir na dùthcha ’m bitheantas—cumhnantan a chearta co maith ’s a tha aig muinntir Austria féin. E. Tha mi toilichte sin a chluinntinn. Ach an innis sibh ciod a thog an iorghuill an toiseach. M. Tha sin duilich a ràdh. Féumaidh tu a thuigsinn gu bheil Hungary do dh’ Austria car mar a tha Albuinn do Shasunn—na dùthaich air leth a thaobh cuid de laghannan, riaghailtean, agus chleachduinnean; ach fo’n aona chrùn. Bha muinntir Hungary o cheann bhliadhnachan a’ gearan nach robh an fheadhain eile a’ seasamh ris na cùmhnantan a rinneadh an àm aonaidh an dà rioghachd r’a chéile—gu’n robh iad a’ sealltuinn a sìos orrasan, agus tuille ’us bàigheil ri’m muinntir fhéin. Ciamar air bith a bha so, ’n uair a thainig am buaireas ’s an luasgan mòr feadh an t-saoghail an uraidh thog muinntir Hungary bratach an dùthcha féin, agus thubhairt iad nach biodh iad ni b’ fhaide ceangailte ri Austria—gu’n cuireadh iad a suas air an làimh fhéin. Air a so chuir Iompair’ Austria teachdaire d’an ionnsuidh a’ tairgse mòran saorsa ’us [TD 660] còraichean fior mhaith dhoibh. Ach an àite éisdeachd riutha, ’s ann a mhort iad an teachdaire agus a chaidh iad an tarruing air son cath gus a’ chuid a b’ fhaide. E. Obh! Obh! an ann mar so a bha ’chùis? Cha do shaoil mi gu’n robh gnothach co nàrach ’us sin r’a agairt orra. Cha ’n ’eil fhios a’m nach robh dà thrian de’n choire aca fhéin, agus nach do thoill iad an cairisteachadh a fhuair iad. M. Tha e duilich dhuine ’dheanamh a mach le co beag eòlais ’s a tha aguinn orra cò bu mhò r’an coireachadh. Cha ’n ’eil teagamh, mar anns gach cùis de’n t-seòrsa am bitheantas, nach robh coireanan air an dà thaobh; ach tha e duilich leinn a bhi faicinn sluaigh fhoghaintich, adhartaich mar a tha muinntir Hungary a’ faghuinn tillidh ’n uair a tha iad ag iarraidh a mhàin saorsa dhoibh féin gun éucoir a dheanamh air càch. Ach an déigh na thachair feudaidh iad urrad shonais, ’us shoirbheachaidh a bhi aca fo smachd Austria ’s a bhiodh aca fo smachd nan uaislean aca féin. E. Matà gu’m b’e sin doibh. Ach dé an seòrsa dhaoine ’tha annta am bitheantas? Dhearbh iad iad féin cruadalach ’s na blàir. Ciamar a tha iad a thaobh fòghlum, ’us malairt, ’us tuathnachais? agus ciod an creideamh de’m bheil iad? M. Tha mòran diubh ’n an daoine fiosrach, fòghluimte—a suas ri malairt, ’s ri ceairdean. Tha dùthaich bhrìghmhor, bheairteach aca, agus tha iad gu meadhonach maith a suas ri àrach spréidhe, ’s ri àiteach gruinnd, ged a tha mòran de na daoine cumanta air an gleidheil fo chruaidh smachd le’m maighstirean, agus ’an ioma ni fad air an ais. ’S e an creideamh Pàpanach a’s lìonmhoire feadh na dùthcha; ach tha còrr ’us dà mhuillein Protestantach innte—urrad ’sa tha de shluagh ’an Albuinn gu léir. E. Dà mhuillein! ’S mòr ’s is maith. ’S ann a shaoil mi gu’m bu Phàpanaich no Geintilich a bha ’s na crìochan fad’ air falbh sin gu buileach. Tha mi’n dòchas nach deanar éucoir orrasan air son an creidimh. M. Tha sinn tuille ’us ullamh gu shaoilsin nach ’eil sluagh aig an Tighearna ach sinn fein, agus le smaoineachadh oirnn féin a mhàin tha ar n-intinnean ealamh gu fàs cumhann. Tha sinn ullamh gu othail ’us iorghuill a dheanamh mu nithean beaga, faoine, agus am meas uile-chudthromach do gach Eaglais. Ach nan seallamaid m’ar timchioll chitheamaid Eaglaisean an ioma cearna de’n t-saoghal a tha ’gluasad ann an gràdh ’s ann an gràs an Tighearna nach cuala riamh a bheag a dh’ iomradh mu na nithean air son a bheil sinne ’tilgeadh na dùthcha bonn os ceann, agus nach toir feairt air bith orra ’n uair a chluinneas iad iad: ach gu tilleadh ri d’ cheist. Tha mi’n dòchas nach bi mòr dhragh air a chur air na Protestanaich—gu’m faigh iad làn chead an Soisgeul a shearmonachadh gu saor. Agus sin an t-aon nì a tha gu comhfhurtachd no sòlas anns an doininn a ’shéid thar na Roinn-Eòrpa ré na bliadhna ’chaidh seachad. Tha tuille saorsa agus seirc a thaobh creidimh, agus cràbhaidh r’am faicinn as a déigh na bha ri’n faic- [TD 661] inn roimhe so. ’Bhrìgh coltais tha ’n t-àm a’ dol seachad ’s a bheil féum do sheòrsa air bith, sean no ùr, a bhi ’dìteadh no ’bacadh dhaoin’ eile ann an seirbhis a dheanamh do Dhia mar a tha iad a’ creidsinn a tha ’m Bìobull ag aithneadh dhoibh. Gu cinnteach is mithich gu’n tigeadh so, agus gu’n nochdadh daoine tuille seirc agus gràidh do chàch a chèile. E. Tha e iomchuidh gun teagamh; ach a bheil a bheag a’s fiù iomradh a dol air aghaidh an cearnaibh eile na Roinn-Eòrpa aig an àm? M. Cha ’n ’eil ùin’ agam air dol thairis orra co dhiùbh; ach feudaidh mi ràdh gu bheil Austria ’an déìgh baile mòr Venice a thoirt fo chìs—baile a bha ’feuchainn, mar a bha na Hungarianaich fhéin, ri bhi sgaoilte ’s i—agus gu bheil e coltach gu’n croch an Iompaireachd mhòr so r’a chéile mar a bha i car tachdain eile. Tha gnothaichean a’ tighin gu fois ann am Prussia. Tha ’n Fhraing a’ sìoladh sìos gu mòr; agus tha ’n Spàinn car mar a bha i—gun chogadh no sìth—gun sgairt, agus gun sàmhchair. E. Ciamar a tha cùisean a’ dol ’an America? M. Cha ’n ’eil iad ach glé mhi-fhoistneach ann an Canada fathasd. Tha ’n t-achd mithealach a bha ’n sud, air an d’ rinn sinn iomradh roimhe—a tha ’toirt pàighidh dhoibhsan a dh’ fhuiling calldachd anns an ar-a-mach a rinneadh o cheann beagan bhliadhnachan—a’ togail mòran bruaillein fathasd—a’ cur anabarr doimheadais orrasan a sheas dìleas do’n Rìgh ’s do ’n rìoghachd. Ach tha sinn ’an dòchas gu’n tig an dà phàirti gu ’chéile ’thuigsinn nas fearr ’an ùine ghoirid, agus gu’n tig an dùthaich gu clos. E. Us dé mar ’tha ’dol do mhuinntir nan Staidean—na Yankees—mar a theirear riuth? M. Mata, is iomad sin. Tha iadsan glé luaineach, lùth-chleasach, agus cha ’n i an leisg a mheirgeas iad. Tha bannal dhiubh aig a’ cheart àm a’ deanamh deas air son aon de Eileanan nan Innseachan Siar (West Indies), d’ an ainm Cuba, agus a bhuineas do rìoghachd na Spàinn’, a ghlacadh dhoibh féin, ged nach ’eil cead an uachdarain fhéin ac’ air a shon. Tha na mìltean diubh a bùrach air son òir ann an California, agus tha ’n fheadhain a tha aig an tigh a reic, ’s a ceannach, ’s a suaip—a malairt, ’s a marsandachd, ’s a’ muthadh, o Luain gu Sathurna. E. Cha robh fhios a’m gu ’n robh iad co ro ghnìomhach us so. Ach dé an gnothach a tha aca ri Cuba? M. Feòraich sin diubh. Cha ’n aithne dhomh, ach gnothach na sannt ris na bheil uaipe. E. Agus dé mu Chalifornia? a bheil an t-òr co pailt an sin ’s a bha iad ag ràdh? M. Tha pailteas òir ann gun teagamh; ach mar a chual thu, “feudaidh ceannach a bhi air an òr féin;” agus “cha ’n fhearr séud na ’luach.” Tha ’n t-òr lionmhor ann, seach mar ann an cearna air bith eile de ’n t-saoghal; ach tha e a’m measg easan us chreagan, no fada fodha ann an talamh a’ chòmhnaird, air dhòigh [TD 662] ’s ’nuair a chunntas duine a shaothair ’na chruinneachadh, nach dean e beairteas dh’ e an aon latha na’s mò na ’n àiteachan eile; ach ’n uair a shocraicheas cùisean, cha ’n ’eil teagamh agam nach dean California mòran féum do ’n t-saoghal, maille ri mòran mòran croin—oir cheana tha spùinneadh, us creachadh, us mort eagallach a’ dol air an aghaidh mu thiomchioll an òir. E. Agus a nis, an abair sibh facal no dhà rium mu thimchioll ar rìoghachd bheannaichte féin. M. Tha iomadh beannachd aguinn ann am Breatunn gun teagamh; ach tha feadhain a tha ’bagradh mallachd a tharruing oirnn aig an àm le mi-ghnàthachadh ogluidh. O cheann mhìosan tha muinntir Shasuinn, ’an àite ’s an àite, air dol gu aona cheann buileach le muirt sgreamhail dhéistinneach. Cha ’n ’eil pàipear ach beag ’s nach ’eil cunntas ùr air mort air chor-eigin, agus gach aon a’ toirt bàrr’ air a’ chéile ann an uamhunn. A thaobh ghnothaichean eile, tha malairt a tighin air a’ h-aghaidh, agus cosnadh a’ fàs nas fèarr ’an Sasunn us ’an Albainn. Tha ’m fogharadh pailt agus torach ’am bitheantas, ged a tha e nas anmoiche na b’ àbhaist dha a bhi. Tha min-choirce air ceithir tasdain déug am bolla ann an Dail-cé; agus ged a dh’ fhalbh am buntàta ann am mòran de ’n Ghàedhealtachd, sheas e gu maith ’an iomad àite ’s an taobh deas. Tha prìsean meanbh-chruidh air tuiteam, seach mar a bha iad an uraidh, tuaiream air dhà, no theagamh trì tasdain ’s a’ phunnd Shasunnach; ach tha ’chlòidh air éiridh mu lethchrun a’ chlach. Gheibhear seachd us sea sgillinn’ air clòidh-uidhir—ni nach faighteadh o cheann bhliadhnachan roimhe. Is duilich leinn gu bheil prìsean a chruidh fada fad’ air an ais. Bha ceud fhaidhir na h-Eaglaise Brice air a gleidheil air an ochdamh là deug de ’n mhìos’ so (18th September); agus ged nach robh a chòir urrad féudalach ann ’s a b’ àbhaist dh’ fhàg an dara leth an grunnd gu’n reic; agus a’ chuid a ghabh am margadh cha do tharruing iad ach prìsean ro ìosal. Agus a nis slàn leat Eoghain—cha ’n fheumainn gu ’n tachradh tu tric orm. E. Slàn leibh, us mòran taing. N. B. All communications in future to be addressd to PATON & RITCHIE, 3, Hanover street, Edinburgh. Those Subscribers in arrears are requested to remit to the Publishers without delay. Published by PATON & RITCHIE, 3 Hanover Street, Edinburgh. AGENTS.—Thomas Murray, Argyle Street, Glasgow. Charles Paton, Perth. Lewis Smith, Aberdeen. James Smith, Inverness. J. Allen, Elgin. D. Cameron, Aberfeldy. D. Mackenzie, Nairn. Printed by WILLIAM GILCHRIST, 145 Argyle Street, Glasgow.