[TD 535] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. XVIII.] AN SEATHADH MIOS, 1849 [R’A REIC AIR SON TRI SGILLINN’. CONTENTS:—I. Sketch of the Slave-trade and Slavery, page 535. II. An Address to Highlanders on the Expediency of Abstaining from Intoxicating Liquors, page 546. III. Interesting Account of the formation of the Coral rock, 553. IV. “Little Oaths”—Caution to professors of Religion, page 557. V. Gaelic Proverbs, page 559. VI. Public News—Complete Victory over the Sikhs—Disturbance in the Canadas—French interference with Italy,—Austria and Hungary—State of Trade—Markets &c., page 561—66. I. GEARR CHUNNTAS MU THRAILLEALACHD, NO DAORSA ANN AN CAOCHLADH LINNEAN AGUS CHEARNAN D’EN T-SAOGHAL. “Còmhdaich thu féin leis an éideadh a’s dreachmhoire a bhuineas duit, O! DHAORSA, gu siorruith cha ’n fholuichear do ghuin ’us d’ fhòirneart. Is cupan searbh, searbh thu anns gach àm ri d’ òl; ’s ged a b’ éigin do mhìltean blasad de d’ dhomblas anns gach linn tha déistinn fathasd air fiaclan do chloinne! O! SHAORSA, ’s an ortsa ’mhàin a tha déigh gach créutair—is tu miann gach dùil. Fàiltichear thu O! Rìbhinn leosan a’s àirde inbhe, agus mar an ceudna leis a’ mhuinntir a’s isle staid. Is sgiamhach do chulaidh, agus is fuaisgailteach, mòralach do chéum. Tha aoibh-ghàire do ghnùis’ a cur aoibhneas ann an cridhe an t-saothraiche bhochd, a tha ’g ithe ’aran ’na aonar air a bhlàr lom—seadh, aoibhneas gu tric a’s àirde na tha r’a fhaotainn a’m measg phrionnsan mòra na tìr O! Athair ghràsmhoir, o bheil gach tiodhlac maith agus iomlan a’ teachd, deònaich dhomh-sa am beannachd so mar mo chuibhrionn, ’sa chaoidh cha ’n iarr mi saibhreas, no urram mhealltach an t saoghail.”—Sterne Is ioma sgéul gairisneach a tha r’a fhaicinn ann an eachdraidh an t-saoghail mu’n fhòirneart, ’s mu’n an-iochd a bha ’n dara earrann de’n chinne-daonna ’deanamh air an earrainn eile; ni tha dearbh- [TD 536] adh gu soilleir gu bheil cridhe ’n duine “anabarrach aingidh.” Bho ’n là anns an do mharbh Càin a bhràthair Abel, feudar a ràdh gu bheil an saoghal so uile ’na aon tigh-casgraidh, agus fòirneirt! Ach ’an àite ’bhi labhairt mu gach gnè dh’e so fa leth, dh’ iarramaid aig an àm so aire ar luchd-leughaidh a thionndadh gu aon seòrse dh e—’s e sin, a’ mhalart, nàrach agus thàmailteach, a bha agus a tha co cumanta feadh ioma cearna de’n t-saoghal leis a bheil ar comh-chréutairean air an reic ’s air an ceannach mar ainmhidhean na mach’rach. Bho ’n chunntas bhrònach sin a tha Maois a toirt duinn ann am focal Dhé air staid an t-saoghail roimh ’n tuil—gu’n do “lìonadh an talamh le fòirneart”—feudaidh sinn a thoirt fainear gu’m b’ e so aon de na peacuidhean a tharruing a nuas corruich Iehòbhah air luchd-àiteachaidh na talmhuinn. Mar an ceudna tha sinn a’ léughadh anns an Leabhar naomha gu’n do reiceadh Ioseph ri ceannaichean a bha ’dol a sìos do’n Eiphit, an dùthaich sin anns an d’ fhuiling clann Israeil sàrachdh co mòr o na h-Eiphitich an-iochdmhor, agus ged a thilg Iehòbhah “an t-each agus am marcach” am builsgein na fairge, a tha fathasd ’na “tigh na daorsa” mar a bha i riamh. Bha Tirus agus Sidon ’nan latha féin comharraichte air sòn a’ pheacaidh so; oir “cheannaich agus reic iad clann Israeil mar ainmhidhean ’s a’ mhargadh. “Clann Iudah fòs (ars’ am fàidhe Ioeil), agus clann Ierusaleim reic sibh ris na Gréugaich, a chum gu’n atharraicheadh sibh iad a’m fad o’n crìch féin;” agus tha am fàidhe Eseciel ag ràdh gu ’n do “reiceadh pearsanna dhaoine ’n am margaidhean.” Anns a Ghréig bha barrachd thràillean na bha ann de dhaoine saor. Bha iad air an comharrachadh le’n sealbhadairean le iarunn dearg a leagadh air an aghaidhean, dìreach mar a nithear air na caoirich ’s an fhanng. B’ iad luideagan salach an ’éideadh, agus b’ iad croicinn chon an còmhdach-cinn; agus a thuille air a so bha gach là àireamh dhiubh air an cur suas air àit’ àrd mar chomharra air son saighdean nan òganach a bha fòghlum cuimse. Gach aon a bu tréine ann an neart na ’cho-thràill, bha gach meadhon air a ghnàthachadh ’chum a threòir a thoirt a nuas agus fhagail ’na dheòraidh truagh. B’ e’n tuarasdal aig ceann na bliadhna cunntas àraidh ’bhuilean, a chur ’n an cuimhne gu’m bu tràillean iad; agus ma thachair gu’n d’ fhàs iad uair air bith lìonmhor, chaidh an grad spadadh, gun iochd, gun mheachain, air eagal gu’n deanadh iad ar-a-mach ’n an aghaidh. Aig aon àm, air do chogadh éiridh eadar na Gréugaich agus aon de na fineachan eile ’bha dlùth dhoibh, air eagal ’s gu’n éireadh na tràillean le’n naimhdean ’n an aghaidh féin, ghairm iad air gach aon ’n am measg aig an robh cridhe misneachail agus deadh ghiùlan, a’ gealltuinn gu’m faigheadh iad an saorsa nan nochdadh iad iad féin ’an làthair an luchd-riaghlaidh. A réir a’ gheallaidh so chruinnich dà mhìle ’chum an onair so fhaotuinn; ach mo thruaighe! ’an àit’ an gealladh a choilionadh, ’s an a chuir iad gach aon diubh gu bàs! [TD 537] Anns an Eadailte bha àireamh nan tràillean aig aon àm mu’n cuairt air trì fichead muilein (60,000,000). Do bhrigh gu’n robh iad co lìonmhor bha iad air an cumail ann an teanntachd chruaidh. Dh’ fheudadh an sealbhadairean am mì-ghnàthachadh mar a b’àill leò, cha robh neach ann a ghabhadh an lethsgeul; agus an dream sin a bha gun fheum, a thaobh aois, no euslainte, bu ghnà leò an tilgeadh air eilean àraidh, gun bhiadh, gun eudach, far an robh iad air am fàgail gu bàsachadh. Bho cheann seachd ceud gu leth bliadhna, thòisich a’ mhalairt pheacach so ann an Sasunn féin. Ma thachair gu’n robh aig neach air bith tuille cloinne na bha e comasach air a thoirt roimhe gu furasda bha cead aige na b’ àill leis a reic dhiubh. Anns a’ bhliadhna 1102, thog àrd-Sheanadh Lunnainn an guth an aghaidh a’ ghnàthachaidh mhi-nàdurra so, agus ’na dhéigh sin cha robh e ceadaichte do neach air bith tràillean a dheanamh de’n cloinn, no de’n seirbhisich. Ged is iosal, tàireil na h-Eirionnaich an diugh, bha e ro chumanta ’n am measg aig an àm ud, a bhi ’ceannach nan Sasunnach, agus ga’n gleidheadh ’n an tràillean. Goirid ’na dhéigh sin, chaidh an cleachdadh so a thoirmeasg le luchd-riaghlaidh Eirinn, agus o’n àm sin chaidh stad air a’ mhalairt mhaslaich ud, araon ann an Sasunn ’s ann an Eirinn. Ach ged a chaidh casg a chur air a’ chleachdadh so ’s na h-aitean ud, gidheadh, cha robh e ach a’ tòiseachadh ann an rìoghachdan eile. Anns a’ bhliadhna 1434, ghoid sgiobair soithich a bhuineadh do Phortugal, a dhà no trì ’bhalachain dhubha o thaobh na h-àird an iar de dh’ Africa, agus reic e iad ri ceannaiche a bhuineadh do’n Spàinnd. Bho ’n àm sin a mach, bu ghnà leis gach sgiobair ach beag a thaoghail ’s a chearn’ sin de dh’ Africa buidheann de nàisnich na dùthcha ’cho-éigneachadh air falbh leò; do bhrìgh gu’n robh iad ro fhéumail dhoibh, araon, air muir ’s air tìr. ’N uair a fhuaradh a mach America le Columbus, anns a’ bhliadhna 1493, agus a ghabhadh seilbh ann leis na Spàinndich, a bha ro thìtheach air tràillean a bhi fo’n làimh, bha luchd-àiteachaidh eileanan Innsean na h-àird an Iar air an sàrachadh gu cruaidh leò. Bha na h-Innseanaich air an co-éigneachadh gu eallaichean troma ’ghiullan—gu soithichean a luchdachadh—gu cladhach ’s na tuil-mhèin air son òir do’n luchd-fòirneirt, agus gach ni eile a bu deacaire na chéile: ann an aon fhocal rinn na Spàinndich tràillean diubh gu buileach. Ghlac iad am fearann mar an còir dhligheach féin; agus a’ chuid dh’e a reic iad ri muinntir eile, bha e coitchionn ’n am measg gach Innseanach a bha chòmhnuidh air a reic maille ris. Cha bu shluagh na h-Innseanaich a b’ urrainn seasamh ri obair throm, agus cha b’iongantach e; oir a thaobh nàduir cha robh iad ach ro aotrom ’am pearsa, ’s cha mhò bha iad cleachdta ri saothair. Gus an àm sin sholair iad an teachd-an-tìr o mheas chraobhan an dùthcha àillidh féin, ’s cha robh iad a’ faicinn féum air cùram no air saothair. Uime sin chlaoidheadh mòran diubh gu bàs le claidreamh goirt, le droch aire, ’s leis a bhric-nàdurra— [TD 538] galar a ghearr as na mìltean diubh; air chor ’s nach robh ionad anns an do chuir an Spàinndeach a chos nach do shearg le ainneart agus le bàs. Mu dheireadh dh’ éirich, eadhoin cuid de na sagartan pàpanach as leth nan Innseanach, a’ cumail a mach nach robh còir air bith aig na Spàinndich beantuinn riu co neo-iochdmhor. A measg nan sagartan so bha aon duine fialuidh, caomh, do’m b’ ainm Las Casas a sheas air an taobh gu dìleas, gus mu dheireadh an do chuir e iompaidh air na Spàinndich cead an coise ’thoirt do na h-Innseanaich. Thòisich an sin tuathnachas agus oibrichean eile anns na dùthchanan ùra ud, agus b’ éigin amharc a mach air son muinntir a shaothraicheadh annta; do bhrigh nach robh neart, no foighidin anns na h-Innseanaich bhochda, agus nach seasadh iad ri teanntachd ’s ri àmhghar. Bha na Spàinndich eòlach roimhe so air nàdur agus spionnadh nan Africanach, agus uime sin thòisich iad anns a’ bhliadhna 1503 air na mìltean diubh a thoirt thairis do eileanan Innsean na h-àird an Iar. Chunnaic rioghachdan sanntach eile na Roinn-Eòrpa gu’n robh a’ mhalairt aingidh so a’ soirbheachadh gu maith, agus air dhoibh tuinneachais fhaotuinn ’s na h-eileanan ud, cho-pàirtich iad ’s a’ pheacadh cheudna. Cha robh Breatunn féin air deireadh air càch anns an olc so; oir anns a’ bhliadhna 1562, agus riamh uaithe sin gus o cheann deich bliadhna bha na Breatunnaich cionntach de’n olc so. ’S uamhasach ri’n toirt fainear gach carachd, ’s gach foill—gun ghuth air an fhòirneart—a bha air an gnàthachadh leis na spùinneadairean ana-cneasda sin a bha taoghal ’an taobh na h-àird an iar de dh’ Africa o àm gu h-àm. Da rìreadh ’s maith a dh’fheudadh an Salmadair a ràdh gu bheil “àitean dorcha na talmhuinn làn de ionadaibh-còmhnuidh an fhòirneirt.” Air uairibh bha iad a’ mealladh na’m prionnsachan a bha thairis air an t-sluagh aineolach sin le tiodhlacan suarrach, gu mòran chiomach a thoirt thairis do’n làmhan. Air uairibh eile rachadh sgiobaidh nan soithichean air tìr leis gach bathar bu toighiche na chéile leis na daoine-dubha, ’s a’ gealltuinn do gach aon a thigeadh do’n ionnsuidh le fiaclan Elephant gu’m faigheadh e deadh chùnradh; ach ’an àite seasamh ri’n cùmhnanta ’s ann a spìonadh iad leò le làimh làidir gach fear agus bean, gach sean ’us òg a thigeadh ga’n còir, a dh’ aindeoin gach strì, guidhe ’us bas-bhualadh a chleachd na créutairean truagh sin. Aig amannan eile chuireadh na h-éucoraich ud iompaidh air na daoine-dubha dibh-làidir òl, ’s an uair a gheibheadh iad air mhisg iad ghrad sparradh iad ann an iarruinn iad a chum ’s nach biodh comas aca air strì a dheanadh an aghaidh an luchd-fòirneirt, no iad féin a thoirt as orra. Tha sinn a’ toirt seachad an dealbh a leanas chum seòrsa de bheachd a thoirt do’r luchd-léughaidh air an oillt a bha air a dhùsgadh ann an cridheachan nan Africanach an uair a chitheadh iad aon de na soithichean-spùinnidh so ’tighin ’s an t-sealladh.— [TD 539] [Dealbh] Tha’n cunntas a th’ aguinn air an dòigh ana-méinich ’s an do ghnàthaich iad na prìosanaich so air an turus-cuain gu Innsean na h-àird an Iar ro dhéist’neach; dìreach mar a dh’fhéudta fiughair a bhi o dhream aig nach robh suim do Dhia no do dhaoine. Bha na daoine-dubha air am pacadh ’s na soithichean gun ach gann lèud an cos ac’ air an seasadh iad; ’s bha ’n lòn araon gann agus neo-bhrighmhor. Bha iad air an toirt air clàr uachdair na luinge, am bitheantas uair ’s an latha, agus bha iad air an co-éigneachadh leis an sgiùrsair gu léum ’s gu dannsa, chum an uilt ’s am féithean a chumail o chrupadh. Cha ’n ’eil e ’n ar comas-ne meud na dòrunn agus a’ chràidh a dh’ fhiosraich na prìosanaich mhi-fhortanach a bha air an giùlan ’s gach soitheach de’n t-seòrsa so a chuir an céill; ach bheir sinn seachad an sgéula brònach a leanas, a bha air aithris le tràill a thugadh á Innsean na h-àird an Iar do Shasunn, far an do chaith e feasgar a làithean, ’s far an robh e saor o “chorruich an fhir-shàrachaidh.—“Rugadh mi (deir esan) ann an aon de rìoghachdan Africa, astar mòr o’n fhairge, ’am meadhon coille dhomhail, far an shaoil mi nach fhaicinn nàmhaid borb a chaoidh. Tha gràdh aig gach aon d’a dhùthaich féin: an t-àite ’s am b’ àbhaist da féin, ’s d’a chàirdean coinneachadh cha dì-chuimhnich e gu bràth. Rinn Dia a’ chuid sin de’n dùthaich do’m buininn-se da rìreadh àillidh; ’s an ioghnadh ged a tha mo ghràdh dh’i fathasd gun chaochladh? O! tha, ’s bithidh gus an taisgear mi ’s an ùir. An t-athar soilleir àillidh sin air nach faicte ach ainmic nèul no dùbhradh—na craobhan dòsrach, àrd’ a tha sgaoileadh a mach an géugan ùror mar sgàile o’n teas, as m’ aire cha teid am feasd. Bha gach ni maiseach gus an do thòisich malairt mhalluichte na tràillealachd—’s mis’ a [TD 540] dh’ fheudas sin a ràdh (ars’ esan ’s e tarruing osna throm). Phòs mi glé òg, ’s bha mi féin ’s mo bhean sona le chéile. Dheònuicheadh leanabh mic dhuinn a bha ’na uaill d’a mhàthair, ’s na aoibhneas dhomhsa. O! na creidibh iadsan a their nach ’eil gràdh, no tairisneachd a’ tuinneachadh ’an còm an Africanaich d’a ghineil—tha, oir mur bitheadh ciod an dòigh air an cinneadh ar clann? ’Saoil a fàsadh iad mar a dh’ fhàsas uain an tréud no earban an t-sléibhe? Ach mar’aisg air an tràillealachd! cho-éignich i pàrantan gu’n sliochd a thréigsinn, no’n cur gu bàs air eagal gu’n rachadh an reic an daorsa chruaidh. Tha ’n suidheachadh ’s a’ bheil na h-Africanaich a’ cur ’am chuimhne sgéul a chuala mi aon uair mu dhuin’ àraidh a bha ’na shuidhe aig cuirm shòghmhor, ach a bha ro dhubhach a chionn gu’n robh e ’faicinn claidheamh ruisgte crochta le aon ròineig os a chionn. Le “duais na h-éucorach” chuir na daoine-geal iompaidh air ar prionnsachan amaideach gu an iochdrainn a thoirt thairis do’n làmhan. Chum so a dheanamh le sgàile de cheartas dh’ fheuch iad an toiseach ri’r cur ’am mearachd agus an sin mar pheanas air son ar cionnta reiceadh iad sinn ris na creachadairean ud. Tha Sasunn gun teagamh fuar, tuille ’us fuar air mo shonsa; ach gidheadh, cha ’n ’eil eagal air neach air bith ’an so roimh’ choimhearsnach—’an so cha ’n ’eil a chridh’ aig aon de’n luchd-fòirneirt ud a cheann a thogail. Tha fios aig gach duine bochd nach fheudar a bhean, no ’chlann a thoirt uaithe. Tha e saoithreachadh air son lòn doibh do bhrigh gu bheil gràdh aige dhoibh, agus tha e gan gràdhachadh do bhrìgh gu bheil e ’saoithreachadh air an son, agus mar sin tha ’ghràdh a’ fàs; ach gu tilleadh ri’m sgéul. Cha robh mi ach bliadhna pòsda ’n uair a chaochail mo chéile ghràdhach, agus dh’ fhàgadh mo leanabh gaolach na dhilleachdan maoth aig aois thrì miosan. Dh’ fhàs e ’na leanabh tlachdmhor—gach oidhche luidh e ann am bhrollach, agus ré an là bha e leam gach taobh a shiubhail mi. Latha de na làithean, ’n uair a bha mo mhac mu chuig bliadhna ’dh’ aois, thug mi leam e le rùn dol a dh’ iasgach air amhainn mhòir a bha dlù dhuinn. Rainig sinn eas mòr a bha ’gàirich le tòrman àrd, far an d’ fhàg mi leanabh mo ghràidh leis féin, do bhrigh nach b’ urrainn domh ’thoirt troimh thom de phreasanaich thiugh a thachair oirnn, a’ sparradh air gun an t-àit fhàgail gus an tillinn air m’ ais. Ach mo chreach! o’n uair sin chaill mise mo ghaoilean ’s cha ’n ’eil fiughair agam fhaicinn fhad ’s is beò mi. O! nach mise ’bhiodh taingeil nam biodh cinnt agam a bheil e ’na shìneadh ri taobh a mhàthar anns an lagan bhoidheach sin a dh’ ionnsuidh an tric a threòraich mi e; ach ’s ann a tha sìor eagal orm gu bheil e fulang fo chorruich an luchd-sàrachaidh.—Air dhomhsa dol beagan air m’ aghaidh ri taobh na h-aimhne ciod a chunnaic mi ach bàta teachd a nios ’am chòir. Ghrad leum mi air m’ ais, ach ann am priobadh na sùl bha ’n sgiobadh air a’ bhruaich, ’s thug iad gu luath air mo thòir. Cha robh feum strì ’dheanamh ri ceannaircich bhorba. Ghlac agus cheangail iad mi gu teann, ’s an sin leag [TD 541] iad mi air urlar a bhàta, gun suim de m’ ghearan, no truas de m’ chaoidh. Bha mi car tamuil mar neach a chaill a réusan; ach an uair a thainig mi thugam féin, thainig smaointean mu m’ bhalachan caomh am aire, ’s bha mo chridhe ’an impis sgàineadh an uair a chuimhnichinn gu’m féudadh esan a bha ’nis gun chultaice saoghalta ’bhi air a réubadh le fiadh bheathaichean na frìthe, no air a ghlacadh le buidheann eile de na spùineadairean cruaidh-chridheach ud. Ach mo thruaighe! cha bu mhis’ an t-aon phrìosanach a chaidh a ghlacadh air an latha dhubh a bha ’n sud. Ma’n d’ rainig sinn an cladach bha ’m bàta air a lìonadh le fir, mnathan, agus clann. ’N uair a rainig sinn an tràigh chaidh ar reic ri caochladh mhaighstirean. Chaidh fir ’us mnathan, pàrantan ’us clann a sgaradh o chéile mar a dheantadh air buar chruidh, no tréud chaorach; agus an sin chaidh ar comharrachadh, le iarunn ar sealbhadairean a leagadh dearg air cùl ar slinnein. Ach ’n am measg bha aon chàraid a chuir barrachd doilgheis orm na càch uile, ni h-e, ach dhi-chuimhnich mi car tacain mo thrioblaid féin ’n uair a sheall mi orrasan. Bha ’n làmhnain ghràdhach so air an reic ri caochladh mhaighstirean, agus b’ éigin dealachadh. A dh’ aindeoin gach strì a rinn iad gu leantuinn r ’a chéile, ’s gach iompaidh a dh’ fheuch iad a chur air an sealbhadairean anacneasda chaidh an spionadh o ghlacaibh a’ chéile. O! an t-suil, agus an glaodh muladach a thug esan ’nuair a ghabh e’n sealladh mu dheireadh oirre-se ’bha dha mar chnàmh de ’chnàimh ’s mar fheòil de ’fheòil, agus air a chaileig bhòidhich a bha air a leigeadh comhla r’a màthair, mar a bha iad gan tarruinng a stigh do’n bhàta ’s an robh mise, cha dichuimhnich mi fhad ’s is maireann mi—b’ éigin domh mo cheann a chromadh—cha b’ urrainn domh amharc orra!* Nach mis’ an sin a bha taingeil gu’n robh m’ annsachd féin ’na luidhe fuidh’n fhòid ghorm ’an uaigneas nan coilltean seach a bhi air ar riasladh o aon a chéile air an dòigh ud. Chaidh a bhuidheann ’s an robh mise ’chur air bòrd luinge ’bha ’sa chaladh, far an robh cheana na ceudan, a bha o cheann latha no dhà co saor ri éildean na frìthe, ach a bha ’nis ceangailte le slabhraidhean na daorsa. Chaidh ar pacadh uile ’n ìochdar na luinge, agus ar ceangal gu teann ri ’chéile, air chor ’s nach robh e comasach do’n dara aon làmh no cas a ghluasad gun chead an aoin eile. Bha mis’ air mo cheangal ri coigreach o chearn ro fhad o’n àit’ ’an robh mi féin, agus bu ghann gu’n tuigeamaid facal de chànain a chéile. Bhuaileadh esan le galar cràiteach, agus cha robh e idir co foighidneach fuidh’ thrioblaid ’sa chunnaic mi muinntir eile, nì chuir a thinneas ’am meud. Bha e gun chlos gun fhois—ga aoirneagan féin ’s ga m’ tharraing-sa leis o thaobh gu taobh—’g ar lot le chéile leis na h-iaruinn chruaidh. Ach O! cha ’n ’eil mi ga choireachadh, oir da * Shaoil sinn gu’m biodh e ’n ar comas dealbh eile ’thoirt seachad mu’n dealachadh bhrònach so; ach theagamh gu’n d’ thoir sinn seachad ’s an ath Aireamh e. [TD 542] rìreadh bha e ann am péin chruaidh, ’s ann am breislich iarguinich. Cha chomasach dhomh gu sìorruith meud na dòruinn a dh fhuiling mi ré gach là agus oidhche ’bha mi maille ris a chur an céill. Mu dheireadh thug e thairis; ’s an oidhche sin chuir e seachad gu sàmhach. Thuit mis’ ’am shuain r’a thaobh, ’s an uair a dhùisg mi dh’ fhairich mi ’chroicionn fuar, fuar. Thuirt mi riusan a bha dlù dhomh gu’n robh a’ fiabhrus an déigh ’fhàgail; ach ’n uair a sheall sinn bha e gun deò, ’s mar so bha mise ceangailte car tamuil ri corp marbh!!” Leis a so (ars’ an neach a sgrìobh an sgéula) thainig reachd ’na mhuineal, shil a dheòir gu frasach ’s cha b’ urrainn e dol ni b’ fhaide. Na’n ceadaicheadh cothrom dhuinn dh’fheudadhmaid iomad leabhar mòr a lìonadh le sgéulan a chearta co gairisneach ris an aon a thug sin seachad mu gach sàrachadh agus dòruinn a dh’ fhuiling na h-Africanaich o na ghlacadh iad ’n an dùthaich féin gus an do chuireadh air tìr iad ’an eileanan Innsean na h-àird an, Iar ’s an America. Ach anns gach linn, ’s anns gach àite, mu bheil cunntas aguinn ann an eachdraidh, ’s an robh luchd-foirneirt a’ buadhachadh, chì sinn gu’n do thog an Tighearna suas daoin’ iochdmhor, coltach ri Maois a “dh’ amhairc air eallaichibh nan Israeleach;” agus ri Iob a “bhrist gàirdean an fhir-shàrachaidh.” Uigh air n-uigh thòisich cuid de na Breatunnaich ris an éucoir chruaidh a bhatar a’ deanadh air na h-Africanaich a thoirt fainear. Rinn na daoine cneasda sin na b’ urrainn dhoibh gu luchd-riaghlaidh na rioghachd a thoirt gu mothachadh air an dleas’nas cosg a chur air a’ mhalairt so. Gu fàbharach, bha ’m prìomh luchd-labhairt ’s a’ Phàrlamaid (Pitt agus Fox), aon-sgéulach mu ’n nì so; agus ’an déigh iomad connspaid ’us iorguill, chaidh mu dheireadh a shocrachadh gu’n rachadh stad gu buileach air a’ mhalairt ana-cneasd’ ud an déigh a’ chéud latha de’n bhliadhna 1808, agus gu’m biodh càin throm air a leagail air neach air bith a bhriseadh an reachd so. Shaoil càirdean nan daoine-dubha gu’n robh gach cùis gu ceart ’n uair a thugadh an reachd so a mach, ach gu truagh, cha b’ fhada gus an d’fhòghlum iad an t-atharrach. ’An àite cor nan tràillean a bhi ni b’ fhearr ’s ann a bha e seachd uairean ni bu mhiosa. Ged a bha soith’chean-cogaidh air an cur a mach a chum nan Africanach a dhìon, gidheadh, bha ’bhuannachd a bha ’n luchd-malairt a’ deanadh air na tràillean co ro mhòr ’s nach bu chualag orra ’chàin a phàigheadh nan rachadh an glacail. Roimhe so bha na spùinneadairean a’ luchdachadh an soithichean le socair, ’s le h-athais; ach ’n uair a rinneadh a’ mhalairt mi-laghail cha robh ann ach “mar bu mhotha ’s mar bu mhosaiche.” Bhiodh na soith’chean-spùinnidh ud ri’m faicinn ré nan seachduinnean a’ seòladh air an ais ’s air an aghaidh air còrsan Africa, dìreach coltach ri fithich a bhiodh ag itealaich os ceann closaich a’ feitheamh fath gu cromadh oirre gu a leòbadh as a chéile; gidheadh cha robh comas aig na soith’chean-dìon béud a dheanamh air na spùinneaduirean gus an glacta ’s a’ chiont’ iad, ’se sin gus am biodh tràillean [TD 543] ac’ air bòrd. Bha na soith’chean-spùinnidh so gu tric a’ dlùthachadh air an fhearann fo dhubhar na h oidhche. Bha na tràillean ullamh acasan a bha air tìr, ’s ann an ro bheag ùine bha na soithichean air an luchdachadh, agus roimh bhriseadh na fàire bha iad a mach druim a chuain. ’N an tachradh gu’n rachadh càch air an tòir, mar is minic a chaidh, ’s gu’m faiceadh iad nach biodh dol as aca, rachadh na tràillean le’n slabhraidhean ’s le’n iaruinn a ghrad thilgeadh thar an taobh, maille ris gach ni ’bhiodh mu’n timchioll, chum ’s nach biodh dad air bith r’a fhaicinn a bheireadh fianuis ’n an aghaidh! Tha e air a ràdh mar an céudna, gur tric a chunnacas an seòrsa chréutairean cronail sin ris an canar sharks, agus a tha ro lìonmhor air còrsan Africa, a’ leantuinn nan soithichean ud ’n am ficheadan, ullamh gu cuirp na muinntir a bha air am mort ’s air an tachdadh a shlugadh suas an uair a thilgte thar an taobh iad! Anns a’ bhliadhna 1810, thugadh a’ chùis a rithis air béul-thaobh na Pàrlamaid, agus an àite na spùinneadairean ud a leigeadh as le beagan phunnda Sasunnach cànach a leagail orra, chaidh reachd ùr a dheanamh, a’ toirt a mach mar bhinn ’an aghaidh aon air bith a gheibhte ciontach anns an ni so, gu’m biodh e air fhògradh thar sàile ré a bheatha. Ach ged a rinn Breatunn na bha ’na comas a dheanamh a’m measg a sluaigh féin gu stad a chur air a’ mhalairt so, gidheadh, cha d’ fhoghain sin leatha; rinn i mar an céudna na dh’ fhéud i gu iompaidh a chur air cumhachdan eile na Roinn Eòrpa gu cuideachadh leatha. Anns a’ bhliadhna 1815, dh’aontaich an Fhraing, an Spàinnd, agus Portugail gu’n deanadh iad na b’ urrainn doibh gu còmhnadh le Breatunn ann an cosg a chur air malairt nan tràillean; ach a thaobh an dòigh ’s an do ghiùlain iad uil’ iad féin an déigh an gealladh ud a thabhairt, tha e coltach nach robh ’n am beachd cuideachadh air bith a dheanamh: ’s mar sin bha Breatunn air a fàgail, coltach ri Mac ’Ileathain, “a’ cur a chatha na h-ònrachd.” Gidheadh, a dh’ aindeoin na rinn, ’s na tha Breatunn fathast a’ deanamh, tha ’mhalairt uamhasach so dol air a h-aghaidh co beothail ’s a bha i riamh! Ma bha na h-Africanaich air an gnàthachadh gu h-aniochdmhor air an turus-chuain eadar an dùthaich fein agus Innsean na h-àird an Iar, cha b’ fhearr an gnàthachadh a fhuair iad ’n uair a rainig iad an saoghal ùr. Ré ùine fhada cha do smaoinich Breatunn idir gu’n robh e na dhleas’nas a chearta co fiachaichte, iadsan a bha ’n an tràillean aca cheana ’chur fa sgaoil, ’s a bha e iadsan a bha saor a chumail o bhi air an deanamh ’n an tràillean. Ghnàthaich daoine ceanalta, iochdmhor, agus diadhaidh, a bhuineadh do chaochladh dhùthchannan iomadh meadhon a chum cor nan tràillean ’s na h-Innsean an Iar, araon aimsireil agus spioradail, a leasachadh. Anns a’ bhliadhna 1732, chaidh a’ chéud luchd-teagaisg d’an ionnsuidh. B’ ann as a’ Ghearmailt’ a chaidh iad, agus bhuineadh iad do aidmheil ris an canar Morabhianaich. Ged a chaidh innseadh dhoibh mu’n d’ fhàg iad an dùthaich féin, nach biodh e [TD 544] air a cheadachadh dhoibh na tràillean a theagasg mar seirbhisicheadh iad féin mar thràillean maille riu; gidheadh ’s e thuirt iad, “Tha sinne ullamh, cha ’n e mhàin gu bhi air ar ceangal, ach eadhoin gu bàsachadh air son ainme an Tighearn Iosa.” An déigh mòran saothair agus foighidin, bha aon ’an sud ’s an so de na tràillean air an iompachadh, agus bheannaich an Tighearna saothair a sheirbhiseach gu ro mhòr. Ach dh’ éirich naimhdean na firinn ’n an aghaidh. Thoirmisg cuid de shealbhadairean na’n tràillean doibh an sluagh a theagasg. Thog cuid eile droch alladh orra, gus mu dheireadh an do thilgeadh ’am prìosan iad; ach gidheadh chaidh obair an Tighearn air a h-aghaidh. Iadsan de na tràillean a fhuair eòlas air Crìosd, bu ghnà leo cruinneachadh gach feasgar fo uinneagan prìosuin an luchd-teagaisg, agus an anamana ’thaomadh a mach ann an ùrnuighean dùrachdach ri Dia as an leith. Bha ’n luchd-teagaisg air an neartachadh gu mòr leis a so, agus bu tric a dh’ earailich iad orra, o uinneagan a’ phriosuin, iad a dhlùth leantuinn ri Criosd. Anns a’ bhliadhna 1795 chaidh a’ chéud luchd-teagaisg á Breatunn do na h-Innsean an Iar; agus cha robh an gnàthachadh a fhuair iadsan o àm gu h-àm dad ni b’ fhearr. Ged a bha na sealbhadairean fiosrach gu’n robh na tràillean sin a fhuair eòlas air Criosd ’n an seirbhisich mòran ni b’ fhearr ’s ni bu dilse na iadsan a bh’ann an staid aineolaich; gidheadh, chuir iad urrad bacaidh air an luchd-teagaisg ’sa bha ’n an comas. Bha iomadh aobhar aca air a shon so. Bha fios aca nach b’ urrainn daorsa agus fòghlum cur suas còmhla. B’e ’m beachd a bha aig mòran ’s an àm ud mu na daoine-dubha, agus a tha aig cuid eadhoin air an latha ’n diugh, nach créutairean réusanta idir iad—nach ’eil iad ach eadar a bhi ’n an daoine ’s nam brùidean! Leis an atharrachadh a bha fòghlum a deanamh orra, chunnacas nach robh bonn air bith aig a’ bharail ud air an seasadh i. Bha na boirionnaich a bha roimhe sin aineolach agus gun umhail a nis gu banail, béusach; agus an àite géilleadh do na daoine-geala mar a b’ àbhaist, b’ i ’n cainnt a nis, “Cionnus a ni sinne an t-olc mòr so, agus a pheacaicheas sinn an aghaidh Dhé?” Mar so mhothaich na sealbhadairean gu’n robh làthaireachd an luchd-teagaisg ’na bhacadh mòr air an anamianna brùideil féin. ’S gann is urrainn duinne, anns a’ chearn so de’n t-saoghal, far a bheil an t-Sàbaid air a coimhead agus òrduighean an t-soisgeil air an teagasg ’n am fior-ghloine, a chreidsinn co salach, truailidh ’s a bha gnàthachadh luchd-àiteachaidh Innsean na h-àird an Iar aig an àm ud. Cha robh an ceangal naomha sin a dh’ òrduich Dia eadar fir agus mnaibh ach gann air aideachadh ’n am measg. Uime sin, bha modhannan an t-sluaigh, araon saor agus daor, ro iosal, ghràineil. An déigh mòran saothair agus iomad oidhirp gu cor nan tràillean a leasachadh, chunnaic an luchd-teagaisg agus daoine cneasda eile, nach b’ urrainnear mòran maith a dheanamh dhoibh anns an t-suidheachadh ’s an robh iad. Ged a dh’ fheuch na sealbhadairean ris gach an-iochd, ’us fòirneart a bha iad a’ deanamh air na [TD 545] daoine-dubha ’chumail an cleith, gidheadh rainig sùil Bhreatuinn orra trìd an luchd-teagaisg. Bha uilc agus uamhais ùra gach là tighin ’am follais, gus mu dheireadh am facas gu’n robh tràillealachd coltach ri corp mì-fhallain, a’ briseadh a mach ’nà leois, ’s na sgreaban nach gabhadh leigheas, a dh’ aindeoin gach sgil ’us cungaidh a chaidh a ghnàthachadh. A thuillidh air an t-soisgeul a shearmonachadh thòisich an luchd-teagaisg a nis ri’n guth a thogail gu neo sgàthach an aghaidh tràillealachd, agus air seasamh còir nan tràillean an aghaidh an luchd-fòirneirt. Ach cha luaithe ’rinn iadsan sin na thòisich a’ ghéur-leanmhuinn ’nan aghaidh ni bu tine, ’s ni bu chruaidhe na bha i riamh; gus mu dheireadh, anns a’ bhliadhna 1832, an do loisg na daoine-geala tighean-aoraidh nam missionaries (mar a theirear riù) ann an eilean Jamaica, agus an d’ thug iad ionnsuidh air cur as doibh féin. Theich cuid diubh do America agus phill aon diubh (Uilleam Knibb) do Shasunn a chum an eucoir a rinneadh orra ’dheanadh aithnichte do Phàrlamaid Bhreatuinn. Dh’ fheòraicheadh dh’e ciod bu mhiann leis a bhi air a dheanamh? “Is e na bheil mi ’g iarraidh (ars’ esan, gu fearail) gu’m feud mo bhràthair Africanach seasamh a’m measg teaghlach a chinne-daonna; agus gu ’m feud mo phiuthar Africanach, ’n uair a theannaicheas i a leanaban maoth r’a brollach, a ràdh gur leatha féin e.” Cha b’ fhada gus an d’ fhuair an duine caomh ’iarrtas: oir air an ath bhliadhna chaidh a shocrachadh le luchd-riaghalaidh Bhreatuinn, gu’n sguireadh tràillealachd gu buileach anns gach cearn a buineadh dhi an déigh a’ chéud là de chéud mhìos an fhoghair’ 1834; ach a mhàin gu’m biodh na tràillean fo chùram, agus fo sdiùradh am maighstirean ré shea bliadhna eile, a chum an ullachadh, mar a bha air a ràdh, gu saorsa iomlan a shealbhachadh. Bha chuid mu dheireadh de’n reachd air a dheanamh a chum na sealbhadairean a thoileachadh: oir na’m b’ fhìor iadsan cha bhiodh am beatha tearuinte car aon latha na’m faigheadh na tràillean saorsa iomlan, a thaobh na staid bhorb ’s an robh iad. Cha bu lugha na fichead muillean (£20,000,000) punnd Sasunnach a phàigh Breatunn, gun doichioll, air son saorsa nan tràillean. Chaidh an t-suim mhòr so ’roinn am measg nan sealbhadairean a réir àireamh nan tràillean a bha aca, a chum an call a thigeadh orra an lorg na saorsa so ’dheanamh suas. Ged nach robh nis comas aig na sealbhadairean na tràillean a reic, bha comas aca peanas a dheanamh orra; agus ’an àite an ullachadh air son an saorsa mar a gheall iad, ’s an a bhean iad riu ni bu chruaidhe na rinn iad riamh, gus mu dheireadh am b’ éigin do Bhreatunn a ris dol ’s an eadraigin. Chaidh an sin a shocrachadh gu’m biodh na tràillean air an cur gu h-uile fa sgaoil, air a’ chéud latha de chéud mhìos an fhoghair’ 1838—a’ bhliadhn’ air an do shuidh Banrighinn Victoria an tùs air righ-chathair Bhreatuinn. ’S ioma gnìomh gaisgeil, agus cliùiteach a rinn ar cinneach riamh; ach am measg gach gnìomh foghainteach a rinn iad, cha ’n eil aon co ionmholta ris a ghnìomh so. Chuir Breatunn mar so eiseimpleir [TD 546] fa chomhair rioghachdan eile an t-saoghail a tha da rìreadh airidh air a leantuinn; agus tha dòchas aguinn nach ’eil an t-àm fad’ air falbh anns an dean iadsan a tha tràillean fodhpa an ni céudna. B’e sin an latha subhach air feadh nan eileanan a bhuineadh do Bhreatunn ’s na h-Innsean an Iar. ’An àite nan daoine-dubha a thionndadh air an luchd-sàrachaidh gu iad féin a dhìoladh orra, mar a shaoil cuid de’n naimhdean a dheanadh iad, ’s an a chruinnich iad uile còmhla, an sud ’s an so, gu ìobairtean-molaidh a thoirt suas do Dhia nèimhe air son na saorsa iongantach a dh’ oibrich e ’mach dhoibh—air son “an t-each agus am marcach a thilgeadh ’s an fhairge.”— An cuala tu ’n glaodh sin a dh’ éirich gu h àrd— An acain, an caoidh, ’us na h-osnaichean cràidh? Am faca tu déuran a’ chiomaich gu trom Mar forasan nan spéuran a’ sileadh air fonn? O! ’n d’ fhairich thu cò bha na seasamh r’a thaobh, A’ coimhead air dòlasan cràiteach a gaoil— A’ bualadh a h-uchd agus deòir air a gruaidh, Gun chomas a céile a shaoradh o thruaigh? Ach dh’ éirich an glaodh ud gu rìgh-chathair Dhé, ’S bhrist aingeal na saorsa na cuibhrichean géur— Tha DAORSA a nis ann an daorsa i féin— Tha mhàthair ’sa maothran a’ mireadh le chéil’! ’Nis séidibh an trompaid—biodh an tiompan air ghléus, Tha buaidh le Iehòbhah—tha ’phobull gu léir O shàrachadh cruaidh an luchd-foireignidh saor; Oir ’s i ’n àithne a chualas, “Biodh ciomaich fa sgaoil.” S. Bheir sinn cunntas mu thràillealachd mar a tha i ann an Staidean Aonaichte America aig an àm so, ’s an ath Aireamh. II. GAIRM DO LUCHD-AITEACHAIDH NAM BEANN. FHIR-THATHAICH URRAMAICH. Anns an dà Aireamh mu dheireadh de’r Mìosachan luachmhor thug mi fainear dà litir, araon a’ sparradh air na Gàedheil deoch bhuaireasach a sheachnadh gu buileach, nì a thug mòr thoileachadh dhomh; oir tha e da rìreadh a’ nochdadh gu bheil maith ur luchd-dùthcha agaibh anns an t-sealladh. Thainig an litir a leanas gu m’ làimh o cheann bliadhna no dhà; agus ged nach fios domh cò ’sgrìobh i, gidheadh, tha i co freagarrach do chor na Gàedhealtachd aig an àm so ’s gu’n cuir sibh mòr chomain orm ma bheir sibh àite dh’i ’n ur duilleagaibh. A. S. [TD 547] A LUCHD-DUTHCHA IONMHUINN. Ceadaichibh dhomh innseadh dhuibh, gur h-ann le gràdh neo-chealgach, agus le dùrachd làidir a chum ur leas aimsireil, agus ur sonas spioradail a chur air an aghaidh, a chuir mi romham an litir so ’sgrìobhadh chugaibhse. Cha ’n ’eil aon ni fo’n ghréin a’s mò ’dhùisgeadh de dh’ fhìor shòlas ’am inntinn na chluinntin gu’m biodh gach gnè dhubhailc a tha coitchionn ’n ur measg air am fuadach uaibh-se agus a’ folach an gnùis le masladh, agus gu’m biodh subhailc a’ freumhachadh gu domhain, agus a’ sgaoileadh a geugaibh cùbhraidh, agus a duilich shlàinteil ’n ur measg. Tha iomadh seòrsa dubhailc fathasd air an altrum leibh nach àill leam—seadh, nach urrainn mi ainmeachadh aig an àm so; ach tha aon dubhailc an aghaidh a bheil mi, air mhodh àraidh, a dol a thogail mo ghuth gu h-oscarra—seadh, an aghaidh a bheil mi ’dol a chaitheadh shaighdean le m’ uile neart. O! nach ann a dheanadh an Tighearn uile-chumhachdach mo ghàirdein fann a neartachadh mar a neartaich e gàirdean Dhaibhidh roimhe; a chum an uair a chaitheam-sa an t-saighead air thuaireamas gu’n deanadh esan a stiùradh gu neo-mhearachdach gu cridhe na h-uilebhéist’ a tha mi ’rùnachadh, cha ’n e ’mhàin a lot gu trom, ach a ghlan spadadh gun iochd, gun achdarachd. Cha ruig mi leas innseadh dhuibh gur h-i ’mhisg an uilebhéist a tha mi ’ciallachadh. Mo chàirdean gràdhach is gearr o’n a dh’imich an t-àm anns nach faighte boinne de dhibh-làidir ’an Albuinn ach a mhàin ann am bùth an lighiche, mar a gheibhear cunngaidhean-leighis eile. Ach thòisich daoine sanntach ri ’thoirt fainear gu’n robh buaidhean sònruichte ann an dibh-làidir a dh’ oibricheadh mar dhruidheachd air inntinnean nan uile ’dh’ òladh dh’i. Chunnaic iad n’am biodh i air a h-ullachadh ann an tomhas saibhir gu’m biodh i anabarrach buannachdail. Mar a shaoil b’ amhuil a b’ fhìor: cha luaithe dh’ullaich iadsan an deoch, na choisin i mòran chàirdean. Cha robh Doideag riamh ’am Muile—cha robh Buitseach Ruadh, no Dhubh riamh ’an Eiscinish, no’n àit’ air bith eile aig an robh a leithid de dhruidheachd. Cha robh Dia bréige riamh air thalamh a fhuair urrad de luchd-aoraidh. Cha robh uasal no iosal, bochd no beartach, sean no òg, nach do lùb an glùn da—nach do phòg gu cridheil e. Thog iad teampuill anns am feudadh a luchd-aoraidh cruinneachadh a chum an dìlseachd a nochdadh dha. Cha ’n e so a mhàin, ach rinn gach aon fa leth spàirn, a réir a chomais, a chum altair a chur a suas dha ’na theaghlach féin. Choisrig na mìltean iad féin air fad d’a sheirbhis—dh’ fhàs iad saibhir ’na sheirbhis, cosmhuil ri Demetrius ann an Ephesus a bha ’deanadh nan ìomhaidhean òir do’n bhan-dia mhoir, Diana. Chaidh ìobairtean sònruichte a chur a suas do’n dia so air a’ bhliadhn’ ùir, agus air an Nollaig air mhodh sònruichte. Air na [TD 548] féisdean so, chunnaic sinn mòran a’ teachd le’n tiodhlacan a chum ’altaire aig nach robh bròg shlàn air an cois, no léine ghlan air an druim—nach b’ urrainn dol do thigh an Tighearna air a Latha naomha ’dh’ easbhuidh còmhduich—nach b’ urrainn focal Dhé a cheannach ged a shaoradh e n-anaman o sgrios sìorruith—nach b’ urrainn an clann a chumail ’s an sgoil car bliadhna no dhà, ged a dheanadh sin Mòrairean diubh. Cha b’urrainn doibh na nithean ud a dheanamh a chionn nach b’ àill leò e, ach b’ urrainn dhoibh féisdean an dé so ’chumail suas car seachduinn gun lasachadh. A bheil gàirdeachas air pàrantan a chionn gu’n do rugadh duine cloinne dhoibh? Ma tha is éigin càirdean agus coimhearsnaich a bhi air an cruinneachadh ’an ceann a chéile—cha ’n ann a thoirt taing do Dhia nèamh, ach a thoirt suas ìobairt dhibhe do’n dia sgriosail so. A bheil an naoidhean so air a choisrigeadh do’n Tighearn ann am baisteadh? Ma tha, eadhoin air latha na Sàbaide féin, is éigin coisridh a bhi air a chur cruinn gu seirbhis thràileil an dé so. Air an tòrradh, chunnaic sinn an fhéisd so air a cumail air mhodh a chuireadh ball-chrith air a chridhe a’s cruaidhe, agus sgreamh air an inntinn a’s neo-mhothachaile. Ma tha àm air bith a’s sòileimte bu chòir do dhaoine ’bhi na àm eile, gu cinnteach ’s ann an uair a tha iad a’ gabhail an cead deireannach de choimhearsnach, no de charaid dìleas—an uair tha iad ’n an seasamh air bruaich na h-uaighe ag amharc air an t-slochd ùdlaidh, aonaranach anns am bi an còmhnuidh aca féin ’an ùine ghearr. Ach ged ’s cianail r’a aithris e, chunnaic sinn air na codhailibh so coimhearsnaich, agus càirdean, a’ cruinneachadh ann an sìth agus ann an deadh-ghean—chunnaic sinn iad a toirt suas an ìobairt dhibhe do’n dia bhréige so—an réusan air a chall—am breithneachadh air fhuadach’—an suìlean air an dalladh, agus an casan air call an lùiths. Chunnaic sinn an t-iomlan diubh an sgòrnain a chéile—am fuil a’ taomadh mu thalamh—a’ bùireanaich mar thréud de thairbh fhiadhaich—a’ sgreadail mar còmhlan de dheamhain—mar gu ’m faigheadh legion de spioradaibh an t-sluichd làn chead seilbh a ghabhail air an anamaibh, agus air an cuirp! O! a léughadair nach ’eil t-anam, mar gu’m b’ eadh, a’ briosgadh air ais on t-sealladh le oillt ’n uair a tha thu ’cuimhneachadh air na nithe so? Chunnaic sinn na nithe ceudna aig a’ bhanais—’an àm coinneachadh agus dealachadh chàirdean—seadh, shaoil le daoine nach b’ urrainn càirdeas a bhi air a ghintinn, no air a chumail r’a chéile ach le còmhnadh na h-uilebheiste so. A nis a bheil neach a bhlais riamh de Chriosd?—a bheil neach ’sa bheil srad de dhaonachd, no de sheirc, leis nach b’ àill sgriosadair co fuilteach fhuadach as an tìr? Mu ’s àill, togadh e ’ghuth gu h-oscarra, agus a làmh gu cridheil maille riumsa chum a leithid so de chleachdadh malluichte ’thoirt gu dìmeas agus gu fuath nan uile dhaoine. Ach tha fios agam gu bheil mìle lethsgeul aig muinntir leis a bheil iad ’g an dìon féin, air an aobhar sin ainmichidh mi cuid diubh. [TD 549] Their mòran, “Nach ’eil tròcairean an Tighearna maith air fad, ma ghnàthaichear air mhodh iomchuidh iad? Nach ann de chréutairean an Tighearna deoch làidir? Uime sin, c’ar son nach fheudar a ghabhail ann am measarrachd co maith ri nithe eile?” Abair gu bheil sin uile fior; ach an urrainn thusa ’dhearbhadh gu soilleir gu bheil thu a’ gnàthachadh tròcairean an Tighearna air mhodh iomchuidh an uair a tha thu ’g òl a bheag no mhòr de dhibh-làidir? Chruthaich Dia na h-uile nithe air son sonais agus maith a chreutairean réusanta. Chruthaich e ’n coirce ’s an t-eòrna o bheil deoch làidir air a tabhairt, a chum a bhi mar theachdan-tìr do dhuine agus mar lòn do dh’ ainmhidh. Is i thoil gu’m bitheadh, cha ’n e mhàin a chréutairean réusanta, ach mar an ceudna brùidean na mach’rach, làn shona. A nis, nach ’eil làn chinnt’ agaibh gu bheil mòran de chreutairean a’ fulang cràidh—seadh, a’ bàsachadh a dh’ easbhuidh lòin làitheil, an uair a tha mac an duine a’ sgrios na muilleinibh bolla eòrna agus coirce chum frithealadh do anamiannaibh brùideil? An uair a tha glaodh a bhochd a’ dol a suas gu cluasaibh Iehòbhah, agus a dhéur a’ ruith ’na fhianuis—an uair a tha gort agus gainne a’ pianadh a chuirp agus a’ trioblaideachadh ’inntinn; a bheil thusa ’creidsinn gur i ’thoil naomha-san gu’m biodh an lòn sin a dh’ ullaich e air son duine agus ainmhidh, air a thionndadh gu bhi ’na ribe, agus ’na cheap-tuislidh do na mìltean? Ach their thu, “Cha mhise ’tha ga sgrios, tha mi ga fhaotuinn deas air son òl, cha ’n ’eil mi ’gabhail gnothaich r’a ghrùdaireachd.” Tha mi ga d’ làn chreidsinn; ach nach tusa agus do leithidean a tha ’cumail suas na malairt mhalluichte so? Tha e soilleir mar biodh muinntir ann a dh’ òladh i nach b’ fhada ’sheasadh grùdaireachd. A bheil peacadh ann a bhi sgrios coirc’ agus eòrna—ann a bhi toirt bochduinn agus uireasbhuidh air bochdan na dùthcha? Ma tha, tha thusa cionntach a chionn a bhi ’g òl a bheag no mhòr de dhibh làidir, a chionn gur e tha toirt cràidh agus uireasbhuidh air na muileinibh do d’ cho-chréutairean. Chuala tu iomradh air na mortairean uamhasach a bha ann an Dun-éideann, Burke agus Hare. Thòisich iad-san air an aran làitheil a chosnadh le bhi ’mort an co-chréutairean agus le bhi reic an corpaibh ri lighichean a’ bhaile. A nis mar biodh cinnt’ aca gu’m faigheadh iad airgiod air na cuirp, cha bhiodh e’n comas an diabhoil féin am brosnachadh gu’n teachd-an-tir a chosnadh le malairt co ifrionnach ri mort. A bheil thusa ’smuainteachadh gu bheil na lighichean a bha ’ceannach na’n corp so neo-chiontach de fhuil nan truaghan a chaidh mar sud a dhòrtadh? Gu cinnteach cha’n ’eil. Anns an t-seadh cheudna, ma tha peacadh air bith ann a bhi sgrios lòin duine agus ainmhidh, tha thusa air t-amladh ann, a chionn gu bheil thu ann an tomhas éigin a’ cumail suas na malairt. Ach their neach eile, “Ged a tha cuid de dhaoine ’n am brùidean co mòr ’s gu bheil iad ga milleadh féin le dibh bhuaireasaich, [TD 550] gidheadh, tha mise gabhail measarrachd a mhàin. Cha ’n ’eil e mar fhiachaibh orm a ni ceadaichte air bith àicheadh dhomh féin air an son-san.” A bheil thu ’cumail a mach gur criosduidh thu? A bheil thu ’gabhail ort a bhi ’t-fhear-leanmhuinn orrasan a tha tre chreideamh a’ sealbhachadh nan geallanan? Ma tha feumaidh tu chreidsinn gu bheil e mar fhiachaibh ort iomadh ni ’tha ceadaichte, agus feumail ann féin, a sheachnadh. Bha e làn cheadaichte do’n abstol Pòl feòil itheadh, agus fion òl; ach gidheadh, a chionn gu’n robh muinntir eile ’mi-ghnàthachadh na saorsa, tha esan ag ràdh nach itheadh e feòil, agus nach òladh e fion am feasd, na’n cuireadh a shaorsa-san anns an ni ud ceap-tuislidh roimh aon de ’bhràithribh laga. So far an robh an spiorad uasal—an spiorad gràdhach, iriosal. Tha thusa ’gabhail ort èud a bhi annad air son glòir an Tighearna—gràdh a bhi agad do d’ chomh-chréutairean; ach cha ’n àichidh thu dhuit féin urrad ’us làn gloinne de Uisge-beatha, ged a tha thu ’faicinn nan ceudan air an sgrios, araon ann an anam ’s an corp, leis. Mo nàire! cha ’n e so spiorad Chriosd, ach spiorad na féinealachd. Air falbh an spiorad cumhann so! Cha ’n ’eil neach a tha ’n diugh ’na mhisgeir brùideil, nach robh aon uair co stuama ’s a thusa ’nis. Cha d’ rugadh iad ’n am misgeirean. Lean iad an tùs eiseimpleir nan daoine stuama; ach a chuid, a chuid fhuair iad blas air—dh’ fhàs iad ’n an tràillean da. Ciod am barantas a tha agadsa nach tachair a leithid eile dhuit féin? An d’ thug an Tighearna cinnt dhuit nach ceadaich e do Shatan buaidh fhaotainn ort trid a’ chleachdaidh so nach àill leat a thoirt suas? A bheil cinnt agad nach tarruing do chleachdadh stuamasa muinntir eile gu ruidhteireachd agus gu mi-stuaim? Nach ’eil eagal ort gu’n toir cuid de’n àl òg am mallachd ort fathasd air son an ni ris an abair thu nis stuaim? Ach their thu rium, “Tha beagan de dhibh-làidir a chum slàinte air amanaibh sònruichte. ’N uair a tha duine fuar, no anabarrach teith, tha druthag dh’i ’na deadh chungaidh.” Tha fhios agad gu bheil fuachd ’us teas calg-dhìreach an aghaidh a chéile ’n an nàdur. Tha e eucomasach, uime sin, gu bheil an aon chungaidh maith air son an dà ni. Ma chreideas tu teisteas nan lighichean a’s ainmeile tha beò, tha iad ag innseadh dhuinn nach eil i maith aon chuid air son fuachd no teas. ’N uair a tha thu fuar, agus thu ag òl gloinne, tha thu ’mothachadh teas a’ ruith air feadh do chuislean air fad; ach tamull beag ’an déigh dhuit a h-òl bithidh tu nas fuaire na bha thu riamh: oir tha do chuislean agus do chraicionn air am fosgladh nas mò na bu ghnàthach leò. Is lìonmhor iad a fhuair galar am bàis le’n cuirp làn Uisgebheatha, le ’n craicionn agus le ’n cuislean fosgailte ann an oidhche reòdhta. Tha e làn dearbhta nis o fhéin-fhiosrachadh na mìltean gur h-urrainn do dhuine am barrachd teas agus fuachd fhulang gun bhoinne dheth a bhlasad. Dh’ fheudain mìle dearbhadh a thoirt air a so. Cha ’n ’eil mi ’g àicheadh nach fheud e feum a dheanamh air son cuid de ghalaran an uair a tha e air a mheasgadh maille ri nithean [TD 551] eile le làimh an lighiche. Ach ma chreidear thus’ agus do leithidean cha ’n ’eil galar a tha buailteach do dhuine nach leighis deoch bhuaireasach. Tha puinnsean ’na chungaidh leighis, ach an gabh thus’ os laimh innseadh cuin, no ciod an dòigh air an còir a ghabhail? Nam biodh urrad eagail ort deoch làidir òl ’sa bhiodh ort puinnsean a chur a’d’ bheul, cha b’ eagal duit. Chumadh tu glaiste ann ad’ chistidh e—bhiodh oillt ort gu’m faigheadh aon ’s an teaghlach gréim air boinne dheth. B’ e’n latha cianail do dh’ Albuinn anns an d’ fhuair deoch làidir an tùs mu sgaoil á bùth an lighiche. Bu shona ’bhiodh i na’n éireadh a h-uile duine stuama innte gu h-aon sgéulach a chum iomain air ais a rìs ann—a chum a phrìosanachadh mar mheirleach, no mar mhortair fuilteach. Ach their thu rium fathasd, “C’arson nach ’eil thu ’cur séisd ris na h-uaislean, agus ris na ministearan? Cha ’n fhaic mi aon diubhsan a’ sgur dheth.” Am biodh e tearuinte leat-sa eiseimpleir nan uaislean a leantuinn ann an nithe cudthromach t-anama air fad? Seadh am biodh e tearuinte eadhoin eiseimpleir na’m ministearan féin a leantuinn anns gach ni? Ach cha ’n ’eil e idir fior nach ’eil cuid de na h-uaislean, agus de na ministearan a’ cur an aghaidh an uilc mu bheil mi labhairt, araon le’n comhairle agus le’n eiseimpleir. Tha na ceudan diubh a’ saoithreachadh le dealas, agus le gràdh a chum an dùthaich a thearnadh o’n tuil mhilltich a tha ’bagairt gach subhailc ’am measg dhaoine sguabadh air falbh. Tha na ficheadean de mhinistearan comasach, diadhaidh, air cruinneachadh fo bhrataich mhaisich a’ Chomuinn Stuama—a’ cathachadh mar ghaisgich éuchdach aig a bheil an cridhe ’s an t-seirbhis—a tha faicinn an dùthcha an cunnart a bhi air a bàthadh le ruidhteireachd, agus le misg—a tha faicinn na plàighe air tuinneachadh ’s an tìr—a’ sguabadh an càirdean, an coimhearsnaich, agus an luchd-gaoil, air falbh a chum na sìorruitheachd! A bheil caraid dìleas, no coimhearsnach dlùth agad a tha tuiteam bitheanta ann am misg—a tha sgrios anama agus a chuirp le craos? Abair nach ’eil e air mhisg ach uair ’s a’ mhìos, no s an raidhe, no feudaidh e bith uair ’s a’ bhliadhna: an e do dhleasnas-sa mar chriosduidh na h-uile innleachd laghail, dìchioll agus saothair a chleachdadh a chum a thoirt thuige féin—a chum a philleadh o shlighe an léir-sgrios—a spìonadh mar àithnne as an teine—a tharruing trid beannachd Dhé as an t-slochd anns a bheil e air tuiteam? Ach theìr thu rium, “Cìod is urrainn mis’ a dheanamh ach mo chomhairle ’thoirt air, agus tha mi ga dheanadh sin?” Ach nach feud e bhi ged a tha thu toirt do chomhairle air, gu bheil thu ga neartachadh anns an olc air an làimh eile? Tha thusa ag òl gloinne, no dà ghloinne, agus tha thu ’saoilsin nach ’eil coire ’s am bith ’an sin. Olaidh esan urrad eile—an fhad so tha e air a mhisneachadh le t-eiseimpleir-sa. Feudaidh e bhi gu’n dean aon ghloinne tuille coire dha-san na ni dà ghloinne dhuit-se. Feudaidh e bhi gu’n dùisg sin ’ìota gu barrachd òl—gu’n leagh e ’dheadh ruintean, air chor ’s nach ’eil ceannsal air bith aige air [TD 552] ’anamiannan gus a bheil ìotadh air a chasg leis an dallanaich dheirg. An abair thu rium nach ’eil coire sam bith agad-sa dh’e so? Cha ’n urrainn duit sin a ràdh, a chionn ’s tu ’chuir an eiseimpleir roimhe—is tu thug blas da air a’ phuinnsean an tùs—is tu thug dha an fhuil a bhrosnaich e air an luirg, gus an d ’rainig e an càrn anns an d’ fhuair e ’chlaoidh agus a leadairt gu h-oillteil—is tu chuir a cheud srad r’a chuislibh ìotmhor nach b’ urrainn an tràill thruagh a chasg le boiseig a chrathadh orra—gun e féin a thumadh eadar cheann agus chasan ’s an eabar! Na h-abair gu bheil thu neo-chiontach anns an t-seadh so. Feudaidh e bhi gu bheil do cheann air liathadh leis an aois—nach do chaill thu riamh do chosan leis an daoraich—nach robh feum agad riamh air cuideachadh gu d’ thoirt dhachaidh: gidheadh, feudaidh e bhi mar an ceudna gu bheil na ficheadan a’ fulang dòruinn na teine shìorruith a rinn thusa le d’ eiseimpleir a ghreasad gu sgrios. O! nam faigheadh aon de na spioradan malluichte so comas do choinneachadh aon uair—comas tighin ort ’n uair a tha thu ’suidhe gu suilbhir a dh’ òl gloinne no dhà maille ri d’ chombanaich chridheil. Ciod an fhàilt’ a chuireadh e ort? An abradh e, “Sìth dhuit?” O! cha ’n abradh. Is e theireadh e riut, “Mo mhìle mallachd air a cheud là a chunnaic mi thu ag òl a’ phuinnsein sin—mo mhallachd air a’ chàirdeas bhréige sin leis an do thàlaidh thu mi gu ’bhlasad an tùs! Is tu thug misneach dhomh gu beagan dh’e a shlugadh an toiseach—tharruing am beagan gu mòran mi, agus thug am mòran fadheòidh a chum na dòruinn so mi. Grad thilg o d’ bhilean an cupan bàsmhor sin. An àill leat tuille a thoirt a chum an t-sluic le d’ eiseimpleir, as am bheil thu ’deanamh uaill? Mìle, O! deich mìle mallachd aig t-eiseimpleir!” Amhairc air an teachdaire so o shlochd an dubh-aigein—amhairc air na lasraichean gorm-dhearg a tha air ghoil aintheasach ’na sgòrnan tartmhor. Nach ’eil uamhas air t-anam ’n uair a smuainticheas tu bheil e comasach gu bheil a’ chùis mar a tha mi ’saoilsin? O! matà ’an ainm an Tighearna, sguir dh’e gu buileach. Teich o’n chupan bhàsmhor—na bi nas faide ’gleachd an aghaidh na muinntir a tha ’saoithreachadh gu dìchiollach a chum an Sgriosadair fhuadach as an dùthaich. Cuidich leò le d’ uile neart. Cuir ìompaidh air do chàirdean ’s air do choimhearsnaich iad féin a chruinneachadh gu calma fo bhrataich a’ Chomuinn Stuama—an gnùis a chàradh mar chloich theine an aghaidh nan cleachdainean mi-naomha ’tha coitchionn ’s an dùthaich. A mhinistearan an t-soisgeil shìorruith, nach ’eil e co soilleir ri gath gréine gur h-e ur dleasnas éiridh gu cridheil, deallasach, gu còmhnadh leòsan a tha ’g oidhirpeachadh am pobull a chuir an Tighearn’ air ur cùram-sa ’thoirt gu beachdan soilleir agus fallain mu thimchioll chleachduinean sgriosail a tha anabarrach cumanta ’n am measg? Nach do ghabh sibh os làimh a bhi ’n ur n-eiseimpleirean do’n t-sluagh a tha sibh o Shàbaid gu Sàbaid a’ teagasg? Am b’ àill leibh gu’m biodh iad a’ gluasad ann an slighe shubh- [TD 553] ailcich—gu ’m biodh measarrachd, stuaim, agus naomhachd a’ riaghladh ’n am measg? Na’m b’ àill, tha làn chinnt agaibh gu’m feum sibh féin imeachd rompa anns gach gnè shubhailc a bu mhiann leibh fhaicinn a soirbheachadh ’n am measg. Uime sin, deanaibh ur dìchioll a chum ruidhteireachd agus misg a chur gu tur air cùl. Fadheòidh, mo chàirdean gràdhach, Beannachd leibh. Gu’n treòraicheadh an Tighearna sibh gu eòlas slàinteil air an fhirinn agus air slighe na naomhachd. III. AN CORAL. MAR is mò a bheachdaicheas sinn air oibre an Tì uile-bheannuichte a dhealbh na h-uile nithe le focal a chumhachd féin, ’s ann is mò a bheir sinn fa’near ar n-aineolas agus ar neo-iomlaineachd féin. Is dall da rìreadh an duine sin nach ’eil a’ faicinn gu bheil oibre an Tighearna gu soilleir a’ foillseachadh a mhaitheis, a ghliocais, agus a chumhachd neo-chriochnach féin. Ge b’e àit air an seall sinn chì sinn mèur an Dé uile-làthairich air a nochdadh ann an lìonmhorachd do-àireamh nan nithean sin a rinneadh leis. Tha ’chruitheachd làn de chréutairean anns am bheil beatha, a ta air an cumail suas le caomh-fhreasdal an Tì a dhealbh iad. Gheibhear na créutairean sin de gach mèud agus dealbh, agus gheibhear aca an nàdur agus an cleachdanna féin fa leth. Ma dh’ amhairceas sinn air feadh na talmhainn chì sinn mìle de mhìltean créutair de gach gne. ’S an adhar os ar ceann, tha’n eunlaith éugsamhla maraon lìonmhor agus iongantach. Ceart mar sin tha créutairean na fairge, far a bheil iad ’n am mìltean a’ gluasad a réir an gnè am measg nan uisgeachan. Nach ceart a thigeadh dhuinn éigheach a mach maille ris an t-Salmadair? “Is lìonmhoir, a Thighearna mo Dhia, na nithe a rinn thu! t-oibre iongantach agus do smuainte d’ar taobh-ne, cha ’n ’eil e ’n comas a chur a sìos an òrdugh dhuit, nochdainn agus chuirinn an céill iad; ach tha iad ni’s lionmhoire na gu’n gabh iad àireamh.” Salm xi. 5. A réir coslais, tha na h-uiread de luchd-léughaidh an Fhir-thathaich nach cuala riamh iomradh mu mheanbh-bheathaichean a’ Chorail, a ta co ro lionmhor ann an cuanta na h-àirde deas. Tha na beathaichean so co anabarrach beag, ’s gur ann air éigin a chithear iad leis an t-suil luim; gidheadh beag mar a ta iad, tha oibre air an deanamh leo a ta iongantach mòr. Tha iad a’ togail suas aitreibh de chreagan mòra o ghrunnd na fairge, a ta da rìreadh miorbhuileach ri’m faicinn. Goirear riu so creagan a’ chorail; agus mar fhoillseachadh air oibre an Tì uile-chumhachdaich, tha sinn ’an dòchas gu’m bi cunntas air na creagan sin araon freagarrach agus féumail ’s an àite so. [TD 554] Is ann air éigin a chreidear gu’m b’urrainn créutairean co ro mheanbh ballachan àrd a thogail anns a’ chuan, de stuth co cruaidh ris a’ chloich féin, agus na ballachan sin na céudan mìle ann am fad; ach tha e na ni dearbhta gu bheil iad ’g an deanamh, agus is minic a mhothaich maraichean na ballachan chreag sin chum aimhleas dhoibh féin agus d’an longaibh. Tha cuid de mheanbh-bheathaichhan a’ chorail co mòr a’m méud ri fionnaig, no ri fride, ach tha cuid eile dhiubh mòran ni’s lugha na sin, agus cuid co anabarrach meanbh ’s gu féumar gloineachan mu’m faicear idir iad. Is iongantach da rìreadh an cumhachd a thugadh do na créutairean beaga so a chum oibre a dheanamh, nach b urrainn uile innleachd dhaoine a dheanamh gu bràth. Tha cumhachd aca stuth a tharruing á uisgeachan a’ chuain, a ta cosmhuil ann an nàdur ri àol, agus cuiridh iad an stuth so ’na mheanbh-earrainnean air a chéile, gus am fàs e ’na chreig chruaidh, charraich, làn de sheòmraichean beaga a ta aca mar àitean còmhnuidh. Tha na creagan a nithear air an dòigh so de’n aon stuth ri slige, agus an uair a loisgear iad, ni iad, mar na sligean fèin an t-aol a’s fearr. Tha àite-còmhnuidh féin aig gach meanbh-chréutair dhiubh so, agus tha gne uidheim aige aig dorus a thighe féin, leis an glac e créutairean beag’ eile air feadh na mara air son lòin. Chum beachd a thoirt air meud nan àite-còmhnuidh aig na créutairean iongantach so, tha e air fhaotuinn a mach gu’n còmhduich aghaidh na h-òrdaig còrr ’us mìle àite-còmhnuidh, agus gach àite air a dheasachadh air son ’fhir-tàmhe féin! Tha na créutairean dìchiollach so a’ sìolachadh gu ro bhras. Tha’n òigridh a’ tighin á uibhean beaga a ta air am beirsinn anns na tuill far a bheil na meanbh-chréutairen a rug iad a’ gabhail còmhnuidh. Ann am beagan làithean an déigh dhoibh na h-uighean fhàgail, tha iad a’ tòiseachadh air àitean-còmhnuidh a dheanamh dhoibh féin; agus tha e ’na ni iongantach gur ann air uachdar nan àite-còmhnuidh anns an d’ rugadh na h-uibhean as an d’ thainig iad féin, a tha iad a’ deanamh sin. Air an dòigh so, tha ’n linn a chaidh seachad air an druideadh a suas, agus air an adhlacadh beò ’n an tighean féin, as nach urrainn iad a chaoidh faotuinn a mach, le tighean an sliochd. Mar so tha aon linn a’ cur as do linn eile, agus mar so tha creag a’ chorail a’ fàs mòr, le sreath an déigh sreatha de na tighean a bhi air an togail air uachdar a chéile! Tha na meanbh-chréutairean iongantach so ag oibreachadh le riaghailt àraidh a bhuineas dhoibh féin. Tha fios aig na h-uile air an eagnuidheachd leis an dean na seilleinean na cìrean-meala, agus air an dìchioll a nochdas na seangana ’n an oibribh féin, a réir an gnè; ach tha ’n eagnuidheachd agus an dìchioll céudna air an nochdadh le meanbh-bheathaichean a’ chorail ann an doimhneachd na fairge! Tha na creagan corail air an dealbhadh de gach uile chumachd. Tha cuid ag éiridh suas o ghrunnd na mara mar chraobhan maiseach, a’ sìneadh a mach am mèuran agus am meanglain air gach taobh. Tha cuid eile a’ fàs suas mar phreasan- [TD 555] aich, agus mar luibheannach àillidh fo’n làn bhlàth, agus a’ nochdadh nan dath a’s bòidhiche agus a’s soilleire. Tha na dathan a chithear air na coilltean corail sin anabarrach maiseach. Tha dearg, donn, buidhe, uaine, gorm, agus gach atharrachadh dreach eile ri’m faicinn air an cur gu h-innleachdach air feadh a chéile, anns a’ choral. Ceart mar a ta na coilltean de gach gnè a’ fàs air na beanntan air tìr, ceart mar sin tha coilltean corail a’ fàs a nìos á grunnd na fairge, gu ruig a h-uachdar, far a bheil an doimhneachd na ficheadan aitheamh, agus far a bheil sruthan bras agus làidir! Nach mìorbhuileach gu’n deanadh créutairean co beag obair co ro mhòr? Ach féumar a thoirt fa’near gu bheil obair nan créutairean so, ann an cuantan na h-àirde deas, gu minic co ro mhòr ’s gu bheil iad ’nan cùis eagail gu tric do’n mharaiche. Ann am meadhon a’ chuain mhòir, na céudan mìle o thìr sam bith, gheibhear na creagan corail ag éiridh gu h-uachdar na mara, ’n am ballachan làidir, air an togail ann an cuairtibh mar fhàinneachan farsuing, anns am bi a’ mhuir ciùin, réidh ’n am broinn, ’n uair a bhios na tonnan atmhor agus anradhach air an taobh a muigh de na ballachan sin. Tha na fàinnean mòra sin a’ cumail fasgadh cuain ’n am broinn féin, an uair a chithear geal-ghàire nan tonn a’ briseadh cruinn thimchioll nan creag o’n leth a muigh. Ged nach ’eil an coral féin ag éiridh thar uachdar an t-sàile anns na cearcallan iongantach so, gidheadh is minic a thogas an t-ànradh fairge mìrean briste de’n choral suas os ceann nam ballachan, air chor ’s gu bheil eileanan air an deanamh air an dòigh so leò. Chum beachd a thoirt air meud nam ballachan so, bithidh iongantas air ar luchd-léughaidh a chluinntinn gur tric a chunnacas iad o cheathramh mìle gu mìle air leud, agus iad sin a’ deanamh fainne no cearcall anns a bheil o fhichead gu sea fichead mìle astair mu’n cuairt. Nach anabarrach mòr an soitheach-uisge so, a tha gu minic o thrì gu sea céud troidh ann an doimhneachd? Cha’ n ’eil ’am ballachan Bhabiloin, balla mòr China, agus ann an togalaichean barra-chaol (Pyramids) na h-Eiphit ach mar obair-chluiche na cloinne, ’an coimeas ri meud nam ballachan mìorbhuilleach so a ta air an dealbhadh ’s a chuan dhoinionnach le créutairean co anabarrach meanbh! Tha mar is trice dorus, no fosgladh ann am ballachan nan cearcall mòra a dh’ ainmicheadh, farsuing ni’s leòir a chum comas a thoirt do na longan a’s mò, seòladh a steach ’n am broinn, far a faigh iad deadh acarsaid, agus fasgadh o gach gaoth a shéideas. A thuilleadh air na h-oibre mòra so a’m meadhon a’ chuain, tha lionmhorachd eileanan ann a ta air an cuartachadh le ballachan corail aig astar àraidh a mach o thìr. Tha Eilean na Frainge (Isle of France) mar so air a dhìonadh ceithir thimchioll le balla corail, agus iomadh eilean eile a bhàrr air. Tha e iongantach r’a smuaineachadh gu bheil a ghnàth fosgladh anns na ballachan sin, dìreach mu choinneamh gach acarsaid agus loch ’s na h-eileanan sin, air an seòl na soithichean a stigh gu tìr. Chunnaic am freasdal [TD 556] iomchuidh a’ chùis a bhi mar so, oir na’m bitheadh na ballachan corail gun fhosgladh ’s am bith, a’ cuairteachadh gach eilean air an dòigh ud, cha’n fhaigheadh soitheach sam bith a chòir an fhearainn gun a bhi air an sgealbadh as a chéile. Air taobh an ear-thuath de Australia, tha balla corail mu dheich mìle a mach o thìr, a tha còrr ’us seachd céud mìle air fad, agus is minic a chaidh soithichean a bhriseadh ’n am bloighdean air agus a chailleadh na sgiobairean. Cha ’n urrainn duinn aig an àm so gach ni mu’n choral ainmeachadh. Tha e r’a fhaicinn fo liutha atharrachadh, cumachd agus dealbh, ’s nach ’eil e comasach an ainmeachadh fa leth. Ann an àitean eile de’n t-saoghal, tha eileanan air an àiteachadh agus air an còmhdachadh le craobhan de gach gne a ta air an stéidheachadh air na creagan corail. Rinneadh na creagan ud an toiseach gu uachdar na fairge leis na meanbh chréutairean a dh’ ainmicheadh, agus a rìs, bha na creagan féin a’ tional gach stuth air an uachdar a bha ’n cuan a’ tilgeadh suas, gus mu dheireadh an d’fhàs an stuth sin daingean, agus an do thòisich féur agus luibheannach de gach seòrsa air fàs suas gu dosrach agus pailt. Am measg uil’-innleachdan an duine, agus a dh’ aindeoin a sheòltachd gu nithe iongantach a dhealbhadh agus fhaotuinn a mach, cha robh e riamh ’na chomas fearann tioram a dheanamh dha féin ann am meadhon na fairge. Gidheadh rinneadh an gnìomh iongantach agus mòr so, cha ’n ann leis an duine’ ach le créutair meanbh, a ta mar neoni ’na shùilean—créutair co ro bheag ’s gur ann air éiginn a tha cumhachd aig sùil an duine a léirsinn idir. Ach cha ’n ’eil nì air bith neo-chomasach do’n Tì uile chumhachdach agus uile bheannuichte aig a bheil a chaomh fhreasdal os ceann ’oibre gu léir. An uair a bhios sinn, mar so, a’ suidheachadh ar n-inntinn air gach obair mhìorbhuileach a chithear mu’n cuairt duinn’ bu chòir dhuinn beachdachadh le mòr umhlachd air cumhachd, gliocas, agus maitheas neo-chrìochnach an Tighearna Dé uile ghlòrmhor a dhealbh na h-uile nithe. Tha cumhachd an duine mar neoni, seadh ni’s lugha na neoni ’an coimeas ri cumhachd an Tì bheannuichte sin a chruthaich e. Cha ’n urrainn sinne, cha ’n e ’mhàin na nithe a’s lugha a chruthachadh, ach na nithe a chruthaich Dia agus a chàruich e fa chomhair ar sùl, a thuigsinn. Tha sinn a’ faicinn an fheòir air na raointibh, ach cha ’n ’eil fhios aguinn cia mar tha e ’fas suas agus a’ teachd fo bhlàth. Tha sinn a’ faicinn oibre innleachdaich gach meanbh chréutair ’s a’ mhuir agus air tìr, ach cha ’n aithne dhuinn an seòl neo-mhearachdach air a bheil iad a’ saothaireachadh. Tha sinn a’ faicinn nan creagan corail air an dealbhadh a’m measg nan tonn buaireasach le créutairean ro mheanbh, ach cha mhò is urrainn sinn a thuigsinn an seòl air a bheil cumhachd aca ni co mìorbhuileach a dheanamh, na’s urrainn sinn a thuigsinn an seòl air a bheil a’ ghrian, a’ gheallach, agus na réultan, a’ siubhal gu neo-mhearachdach ann an gorm-astar nan spéur. ’S e ar dleas’nas, gidheadh, a bhi beachdachadh gu [TD 557] cùramach air oibre a’ Chruithfhir bheannuichte, chum ar n-irioslachd a dhùsgadh, agus a chum glòir a thoirt d’a ainm naomha-san. Am bi sinn gach là ag imeachd a’m measg mhìorbhuil na cruitheachd, gun mheur a’ Chruithfhir fhaicinn anns gach ni mu’n cuairt duinn? Na biodh a’ chùs mar so, oir is leòir na nithe a’s lugha air an comas duinn amharc chum ar deanamh umhal, agus a chum toirt oirnn éigheach a mach, “Is airidh thusa a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotuinn; oir chruthaich thu na h-uile nithe, agus air son do thoil-sa tha iad, agus chruthaicheadh iad.” Taisb. iv. 11. SGIATHANACH. Clachan Chillmhuire, Toiseach an t-samhraidh, 1849. IV. MIONNAN BEAGA—EARAIL DO LUCHD-AIDMHEIL. “Ach gu ma h-e is còmhradh dhuibh, Seadh, seadh: Ni h-eadh, ni h-eadh: oir ge b’e ni a bhios os ceann so, is ann o’n olc a ta e”—Mata, v 37. “Oir is an le d’ fhoclaibh a shaorar thu, agus is ann le d’ fhoclaibh a dhìtear thu.”—Mata, xii. 37. ’N UAIR a thràigheas fairge shalach fàgaidh i gu minic salachair noe-thaitneach ’na déigh air tìr. Bha iad sin roimhe ann am builsgein nan uisgeachan, ach bha iad ann an tomhas mòr air an cleith ’s an làn-mhara. Gidheadh, an uair a tha na salachair ud air am fàgail air an oitir thioram, tha ’n t-sùil air a pianadh ann an dòigh shònruichte leis an t-sealladh. Is ann dìreach mar sin a tha a thaobh fuigheal peacannan a’ chreidmhich—a thaobh cleachdadh peacach air bith nach ’eil gu h-iomlan air a thréigsinn, no éucailean nach ’eil gu h-uile air an leigheas. ’S iad mionnan beaga briathran a tha gu minic air an cluinntinn o bhilibh na muinntir sin a tha ’gairm chriosduidhean dhiubh féin—briathran a thig a mach, mar a their iad féin, gun fhios doibh: gidheadh tha cluasan Tì naomh Israeil, agus cridhe dhaoine naomha air an lotadh le’n uile shamhuil so de bhriathran. Tha aon neach gu h-eutrom a’ leigeil gu ràidhe ’choinnseis, am bheil no nach ’eil an ni ’ta e ’g ràdh fior, a chum ’s gu’n toilich e cluas a charaid saoghalta—an coinnseas sin a dh’éigheas fathasd air ais gach cionnta á leabhar a’ bhreitheanais. Bheir neach eile ’stigh a chreidimh, mar dhearbhadh air an ni sin a tha e ’g ràdh—gu neo-sgàthach, a’ gnàthachadh aon de na soithichean a’s naomha ’s an ionad-naomh—an soitheach as am bheil e ’g òl fion nuadh na rìoghachd. No ma choinnicheas e ri tubaisd éigin a chuireas clisgeadh beag air, glaodhaidh e ’mach, “Am Maitheas a dh’ amharc ormsa—am Freasdal ga m’ shàbhaladh—Beannaich mise—Gleidh mise—Coimhid mise.” An ann ri aoradh a tha e, ’s an deach e’n làthair an Tighearna? a bheil a shùil [TD 558] an àird, agus anam da rìreadh ri ùrnuigh iriosal? O cha ’n ’eil, ach ghabh e ni-eigin de chlisgeadh, agus bha na briathran ud deas aig laimh! Air uairean eile ’s ann le cur air anam féin, no air onair a ni e le feala-dhà ’chòmhradh a dhaingneachadh; no theagamh le greim a ghabhail gu dàna agus gu h-aineòlach de thròcair, mar gu’m biodh e ceadaichte na h-uile saorsa ’ghnàthachadh ris a’ bhuaidh sin ’an Iehòbhah a dh’ ionnsuidh nach feud am peacach tarruing ’am fagusg ach trid fola; agus mar so tha Sàtan a’ teagasg dha cluicheadh ris gach ni a’s soileimte ’na shealladh féin. Is fior fheala-dhà, “Co cinnteach ris a’ bhàs,” mar gu’n cailleadh am bàs a chumhachd, no mar nach biodh breitheanas idir ’am fagus. Cò is urrainn innseadh a bheil iadsan a tha gnàthachadh a leithid sud de chainnt ’n an creidmhich? Ma tha iad a’ gabhail an ainm orra féin tha iad a’ dichuimhneachadh gu’n do “ghlanadh iad o’n seana pheacannan.” Tha am beachdan air naomhachd Dhé anabarrach iosal. Is urrainn iad ruith na fhianuis air thuaireamas a’ lughadh a bhriathran agus ’oibrean. mar ’eil ainm, ga’n toileachadh féin le suaicheantas agus sgeadachadh an Rìgh ’an àite ’phearsa. A dh’aon fhocal, tha iad a’ gabhail de dhànachd co-chomunn mi-naomh a ghleidheadh ris an Tì sin mu bheil e air a ràdh, “Is aobhar eagail Dia gu mòr ann an coimhthional nan naomh; agus is còir urram a thabhart da os an ceann-san uile a tha mu’n cuairt da.” Salm, lxxxix. 7. Am biodh a bheag de’n fhaireachduinn so aca na’m biodh iad ’am measg nan Seraphim, a tha ga’m folach féin le’n sgiathan, agus aig éigheach a mach, “Naomha, naomha, naomha.” ’N uair a shuidh Iosa air a’ bheinn, leis a chruthachadh uile fosgailte fa chomhair, thubhairt e riusan a bha ’làthair, “A deireamsa ruibh, na tugaibh mionnan idir;” agus air labhairt dha dh’ amhairc e suas agus thoirmisg e dhoibh mionnachadh air nèamh do bhrigh gur “e righ-chathair Dhé e.” Dh’ amhairc e mu’n cuairt da agus thubhairt e, “Na mionnaichibh air an talamh oir is e stòl a chos e.” Thionndaidh e shùil ri Ierusalem far an d’ thug e fainear ainm glòrmhor a chur agus labhair e na briathran ceudna; agus air dha amharc air na peacaich aig a chosan, thubhairt e riù, “No eadhoin air aon de fhuilteinean ur cinn, ach gu ma h-e is còmhradh dhuibh, Seadh, seadh: ni h-eadh, ni h-eadh; oir ciod air bith a bhios os ceann so is ann o’n olc a ta e.” “Bheir cuileaga marbha air oladh-ungaidh an léigh boladh bréun a chuir uaithe; is amhuil a ni beagan amaideachd airsan a tha clùiteach air son gliocais agus urraim.” Ecle. x. 1. Sibhse ’tha ri “mionnan beaga” cuimhnichibh gu bheil gach uile asluchadh faoin agus eutrom de’n t-seòrsa ud a’ cur doilgheas air an Spiorad Naomha. Tha sibh da rìreadh a’ cur cràidh air ’anam naomh’ an t-Slànuighfhir; agus ma’s deisciobuil sibhse ’tha ’cleachduinn “mhionnan beaga,” tha sibh a’ lotadh an “duine dhoilghiosan” ann an tigh a’ chàirdean. Cha ’n ’eil peacadh sam bith a tha air a chur an gniomh ’an aghaidh na Trianaid ghlòrmhor suarrach; ach tha ’m peacadh a tha aira chur an gniomh leò- [TD 559] san a chluinnear aig amannan eile “’seinn an òran nuaidh” anabarrach gràineil. “An cuir tobar a mach as an aon sùil uisge milis agus searbh? Mo bhràithre cha chòir do na nithibh so bhi mar so.”—Séumas, iii. 11. Aidich do pheacanna a chaidh seachad do Dhia, agus ionnlaid do bhilean ’s an tobar a chaidh fhosgladh a chum peacadh agus neo-ghloinne ’ghlanadh air falbh. Is iomadh peacadh a sheallas gle fhaoin gus am bi e air a mhaitheadh. Feudaidh tu duileag a chrupadh, no phasgadh suas co fad ’s a tha i a’d’ dhorn, ach tilg air aghaidh nan uisgeachan i agus sgaoilidh i, ’s chi thu ’n sin a lèud ’s a fad mar a bha i ’n toiseach. Is ann mar sin a tha a thaobh gach uile pheacadh air leith. Thig an làthair Dhé agus fuirich ann a là agus a dh’ oidhche. Gabh còmhnuidh na làthair mar is cubhaidh do ’n neach sin leis am miann a bhi air fhaotainn “gun smal agus neo-lochdach” ann an latha Chriosd. Fàgaidh a bhi fad as o Dhia thu suarrach uime. Feudaidh an t-Amliceach, no’n t-Arabach a tha fad o Shinai, imeachd gu neo-chùramach, ’s e féin a chluiche gu cridheil; ach cha’n fhaod an t-Israeleach a tha cluinntinn an tàirneinich agus a’ faicinn Iehòbhah uile-làithairich, sin a dheanamh. Feudaidh Peadar mionnachadh ’us mallachadh ’nuair a chailleas e sealladh air gràdh a mhaighstir; ach ’n uair a thig e ’n sealladh na gnùis agus nan sùl sin a shil deòir os ceann Ierusalem, cha ’n urrainn e ’ghiùlan nas faide. Is fheudar dha bròn a dheanamh air son a mhionnan mar gu’m bu thobar uisge ’shùilean. Faigh an làn dearbhachd bheannaichte trid fuil Iosa, an t-aon iobairt réite, gur h-e Dia do Dhia-sa—“Ghràdhaich e mi, agus thug se e féin air mo shon.” ’N uair a thug an iobairt so thu ’na làthair—a thug i dhuit co-chomunn maille ris, agus a bhuilich i ort ionad-còmhnuidh ’na fhianuis, an urrainn duit labhairt no smuaineachadh gu suarrach uime? Tha Dia an làthair a bheil sinn ’n ar seasamh a ghnàth f’ar comhair. A bheil ar cridheachan air an riaghladh leis na bheil sinn a’ faicinn ann-san? a bheil ar céumaibh air an stiùradh gu bhi ’coimhead a theisteis? Ma tha, a bheil e comasach gur h-urrainn ar bilean ni air bith a labhairt nach ’eil a chum a chliù-san? “Biodh aguinn gràs leis an dean sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le h-urram agus eagal diadhaidh: oir a ta ar Dia-ne ’na theine dian-loisgeach.” Eabh. xii. 28, 29. D. S. V. GNATH-FHOCAIL. Am fear leis am fuar fuaigheadh e. Am fear do nach léur a leas ’s mòr d’a chéill a chailleas e. Am fear aig am bi rud gheibh e rud. [TD 560] Am fear a ghoideadh an t-snathad ghoideadh e am meuran na’m faodadh e. Am fear aig am bheil cumadh e, ’s am fear o’m bi tarruingeadh e. Am fear a theid ’s an droighionn domh theid mi ’s an dris da. Am fear is fearr a cheanglas ’s e ’s fearr a shiubhlas. An taobh a chuir thu ’n gruth cuir ’na shruth am meog. Aithnichear an leòmhan air sgrìob d’a ìnnean. An òrdag an aghaidh na glaice. An nì ’gheall Dia cha mheall duine. An nì nach ’eil caillte gheibhear e. An neach nach cinn ’na chodal cha chinn e ’na fhaireachadh. Am fear a bhios béudach e féin cha sguir e ’dh’ éigneachadh chàich. Am fear is faide saoghal ’s e is motha chì. Am fear a theid do’n tigh-mhòr gun ghnothach ghebh e gnothach as. Am fear nach dean cur ri latha fuar cha dean e buain ri latha blàth. An ni nach gabh nigheadh cha ghabh e fàsgadh. Am fear nach freagair ’athair no ’mhàthair freagraidh e ni a’s tàire, craicionn an laoigh. Am fear nach do chleachd an claidheamh fàgaidh e ’na dhéigh e. Am fear nach d’ fhan r’a bhogha cha d’ fhan r’a chlaidheamh. Am fear nach guth a ghuth cha rath a rath. Am fear d’an dàn a’ chroich cha teid gu bràth a bhàthadh. Am fear nach toigh leam tiligidh mi mo spìd air. An luibh nach fhaighear cha ’n i ’chobhaireas. As an dris anns an droigheann. Am fear nach éisd ris na’s olc leis cha ’n éisd ris na’s ait leis. Am fear nach meudaich an càrn gu meudaich e ’chroich. Am fear a’s luaithe làmh ’s e ’s fearr cuid. An uair a luidheas a’ ghaoith ’s maol gach sìon. Am fear nach cunndadh rium cha chunndain ris. An uair a tharruingeas gach duin’ a chuid thuige ’s mairg a bhios gun chuid aige. An uair a throideas na meirlich thig an t-ionracan gu ’chuid. An uair a sguireas a’ mheur do shileadh sguiridh am beul do mholadh. Am fear a b’ fhaide ’chaidh riamh o’n tigh bha co fad’ aige ri tighin dachaidh. Am fear a b’ fhaide chaidh riamh o’n tigh b’e ceòl ’bu bhinne chual e “dol dachaidh.” An uair a thig caochladh na h-aimsi r pillidh gach èun r’a ealtain. A bhéisd a’s motha ’g itheadh na béisd a’s lugha, ’s a’ bhéisd a’s lugha ’deanamh mar a dh’ fheudas e. An nì ’ni subhach an dara Abba ni e dubhach an t-Abb’ eile—no, Bàs duine gràs duine. [TD 561] An cron a bhios ’s an aodan cha ’n fhaodar fholach. Am fear nach gabh comhairle gabhaidh e cam-lorg. Am fear air am bi àmhghar cha ’n ann ’s an t-samhradh is us’ e. An uair a bhios an copan làn cuiridh e thairis. Am fear a bhios fearg air do ghnà ’s cosmhuil a ghne ris an dris. An nì ’chuir an earb air an loch, an éigin. Am fear nach dean bail air béul a bhuilg ni ìochdar bail air féin. Am fear a theid a ghnà ’mach le lion gheibh e eoin air uairibh. An t-ainm gun an tairbhe. Am fear nach dean buil air beagan cha ’n airidh e air mòran. Am fear a bhios ’s an éighe (dìg) cuiridh a h-uile fear a chas air. Am fear nach treabh aig baile cha treabh e as. As a’ choire anns an teine. Am féur a thig a mach ’s a’ Mhàrt theid e ’stigh ’s a’ Ghiblin An làmh a bheir ’s i ’gheibh. Am fear nach cluinn gu maith cha toir e ach droch fhreagairt. An uair a bhios nì aig a’ chat ni e dùrdan. An t-srathair an àite na dìollaid. An uair is mò an éigin dearbhar an caraid dìleas. An gad a’s faisge do’n amhaich ’se is còir a ghearadh an toiseach. An tuagh a thoirt á làimh an t-saoir. Am fear is fearr a chuireas ’s e ’s fearr a bhuaineas. A lion beagan ’us beagan, mar a dh’ ith an cat an sgadan. Air son mo chuidse de’n ghràn gabhadh an àth teine. An uair a chailleas an saor an riaghailt claonaidh na clàir. (Ri ’leanailt.) VI. NAIGHEACHDAN. THA mòran naigheachdan aguinn ri innseadh ’an tràs’ na’m biodh uine gu éisdeachd riutha, agus de naigheachdan iongantach mu nithean mòr’ agus cudthromach. Tha gu dearbh gluasad eagallach air a chuid mhòr de ’n t-saoghal; agus buinidh do gach aon a bhi ’guidhe gu’n robh Esan a tha ’riaghladh os ceann onfha na fairge agus onfha nam fineachan faraon a’ sdiùradh chum a ghlòire féin, agus maith a chinne-daonna na h-atharrachaidhean mòra sin a tha ’tighin mu’n cuairt aig an àm. Anns an Aireamh mu dheireadh thug sinn gearr chunntas mu na b’ fhiosrach sinn do’n bhlàr mu dheireadh a chuireadh ’s na h-Innsean an Ear; ach bha sinn ’am mearachd ’na ràdh gun deachaidh na Sikhs a thilleadh air an ais le Seanalair Whish. Gidheadh anns a’ ghnothach mhòr bha sinn ceart—’se sin gun do chuireadh na Sikhs fodha; agus theid sinn a nis air ar n-aghaidh a thoirt cunntas do’r luchd-léughaidh mu ’n bhuaidh iomlan a fhuair [TD 562] na Breatunnaich thairis air an naimhdean ’s a’ chearn sin. Air a’ an fhicheadamh latha de cheud mhìos an earraich (20th Feb.) chuir Morair Gough a chuid daoine an òrdugh a chum aon ionnsuidh eile a thoirt air na Sikhs. Bha mu chuig mile fichead (25,000) saighdear fuidhe, uile deas, ullamh gu bhi ’n sàs ’n an naimhdean chum aichmheil a thoirt a mach air son a’ chasgraidh a rinneadh ’n am measg air bruaich na Jhelum. Bha mu cheud gunna-mòr aca ’n an cuideachd, uile de mheudachd ro mhòr Bha àireamh nan naimhdean mu thrì fichead mìle (60,000)—uille mòr ’sa dhà urrad ris an arm Bhreatunnach. Mu bhriseadh na fáire air maduinn an ath latha thug an dà armailt ionnsudh air a chéile. B’ éigin do na Breatunnaich iad féin a sgaoileadh a mach nan aon sreath dlù air trì mìle air fad, mu’m b’ urrainn iad na Sikhs a choinneachadh aig gach bealach. Chog na Sikhs gu seòlta, dìorrasach mar is gnàth leo: ach a dh’ aindeoin gach tapadh a chleachd iad cha b’ fhada gus an do chaill iad an làrach. Bha na Breatunnaich air mhire-chatha: gu sònruichte an reiseamaid sin de’n mharc-shluagh (14th Dragoons) air an d’ thainig a leithid de chearbaich ’sa’ bhlàr mu dheireadh; agus ’nuair a ghabh na Sikhs an rathad rinn iad so casgradh cruaidh ’n am mesag. Lean am marc-shluagh an tòir gu ro dhian, a’ gearradh sìos nan Sikhs ’n an ceudan. Bha ’chuid mhòr de dh’armailt nan Sikhs air a deanamh suas de na h-Affghans—daoine borb a bhuineas do chearn eile de’n dùthaich, agus aig a bheil fuath ro mhòr air na Breatnnaich. Tha na daoine so eadar a bhi ’n an saighdearan ’s ’n an robairean, ’s ciod air bith meachain a rinneadh air càch cha robh tròcair air bith air a nochdadh dhoibhsan. ’N uair a dhorchaidh an oidhche, ’s nach b’ urrainn am marc-shluagh an tòir a leantuinn ni b’ fhaide, phill iad air an ais an déigh a bhi cuig uairean déug ’s an dìollaid! Lean mu shea mìle-déug (16,000) dhiubh so r’a chéile beagan lathan ’an déigh a’ bhlàir; ach chuireadh dian thòrachd orra so. Chunnaic iad nach robh robh dol as ann doibh. Strìochd iad gun bhuille ’bhuladh; agus thug iad a suas gach ball-airm a bha aca. Thainig aig an àm chéudna aon déug thar fhichead de na cinn-chinnidh a bu chumhachdaiche a bha ’n am measg, agus thug iad iad féin a suas mar phrìosunaich do’n Cheannard Bhreatunnach. Chaidh fuathas de ghunnaichean-mòra a ghlacadh uatha; agus ’s cinnteach nach urrainn iad an cinn a thogal tuille. Tha Shere Singh gu buileach air a chìosnachadh, agus ’s e ’n aon iarrtas a tha e ’deanamh a nis gu’m bi a bheatha féin air a caomhnadh. Tha ’n t-arm Breatunnach air an roinn ’n am buidhnean, ’s air an suidheachadh ’s na daingnichean an sud ’s an so feadh na dùthcha, chum a bhi ullamh gu éiridh ma bheir na Sikhs ionnsuidh eile air ar-amach. Tha e air a ràdh gu’n do leig Morair Gough sìos a chumhachd ’n uair a chual e gu’n do dh’ òrduicheadh Sìr Tearlach Napier gu dol air ceann an airm Bhreatunnaich. Ciod a ni Breatunn ris an dùthaich bhrìghmhoir so, a tha mar [TD 563] so mar gu’m b’ eadh a dh’ aindeoin air a tilgeadh ’na làmhan, cha deachaidh fathasd a làn shocrachadh. Feumaidh i a leithid a sheilbh a ghleidheil anns na daingnich ’s a ni i comasach air aon aisith ’na h-aghaidh féin a ghleidheil fo chìs gu buileach; ach co dhiubh a théid i nas faide na so cha ’n aithne dhuinn fathasd. Tha e cosmhuil gu’m bi fois car tachdain aig ar n-Iompaireachd mhòir ’sa’ chearn sin de’n t-saoghal ged a tha dream eile (na h-Affghans) a dh’ fheumas beagan smachdachaidh ’an toiseach. Tha iad so a chòmhnuidh ’am measg nam monaidhean àrda ’n iar de da Sikhs. Cha ’n ’eil ainm maith dhoibh mar choimhearsnaich; agus thatar a’ meas glic an iomain tachdain a stigh thar nam bealaichean aca. Ach cha ’n ’eil e coltach gu’m bi so duilich a dheanamh. Is mìorbhuilleach a’ chumhachd a thug Ard-riaghalair an domhain do’n Eilein Bhreatunnach. Tha sinn ann an so a’ labhairt mu ’h-armailtean a bhi ’cìosnachadh luchd-àiteachaidh bheanntan na h-Asia; agus seallamaid a nis air coilltean cian America mu thuath—mìltean de mhìltean uaithe sud—tha Bratach rioghail Bhreatuinn a’ crathadh anns a’ ghaoith, agus guth Bhreatuinn ag òrduchadh gach cùise. Tha so ’g ar toirt gu sgéula ro mhì-thaitneach a tha aguinn r’a innseadh mu Chanada aig an àm. Air a’ chuigeamh là fichead (25th April) de mhìos meadhoin an earraich dh’ éirich an earrann a bu lìonmhoire de luchd-àiteachaidh baile-mòr Mhontreal ’an aghaidh luchd-comhairle na dùthcha, a tha ’coinneachadh ’sa bhaile sin a chum gach cùis a bhuineas do’n chearn sin a shocrachadh. Thug iad ionnsuidh bhorb air an Ard Uachdaran, air chor ’s gur h-ann air éigin a fhuair e ’bheatha leis. Chaidh a chuid eile de’n luchd-comhairle iomain a mach as an talla ’s am bu ghnà leo coinneachadh, agus chuir iad an sin teine ris. Ann am beagan ùine, bha gach paipeir agus leabhar a bhuineadh do’n chomhairle air am milleadh, agus an tigh-comhairle air a losgadh gu làr! ’S e ’b’ aobhar do’n mhi-riaghailt so cìs àraidh a bha air a leagadh air an t-sluagh a chum calldach a thainig air cuid de na Frangaich ’an Canada Iochdrach an lorg an ar-amach a rinneadh ’s an dùthaich sin ’sa’ bhliadhna 1847 a dheanadh suas. Cha ’n iad muinntir Toronto agus nam bailtean mòr eile mu’n cuairt air, tha e air a ràdh, dad is riaghailtiche. Tha dòchas aguinn gu ’n gluais na Gàedheil a tha ’s a’ chearn ud iad féin gu glic, faicilleach. Cha ’n ’eil teagamh nach feud nithean a bhi ’n Canada a b’ fheairrd ath-leasachadh, mar a th’ anns gach dùthaich eile, ach cha ’n e sud an dòigh gu cùisean a dheanamh nas fearr. Chì iadsan a thòisich an iorguill gu’n d’ thoir iad trioblaidean agus àmhgharan orra féin agus air muinntir eile, fada nas goirte na aon ni a bha iad a’ fulang roimhe. “Is fearr an t-olc eòlach n’an t-olc aineolach.” Cha ’n ’eil teagamh nach bac an t-ar-amach so ceaird ’us cosnadh ’s a’ chearn ud. Tha mòran sluaigh, á caochladh àitean de’n Ghàedhealtach, ’s mar an céudna de’n Ghalldachd a’ dol do [TD 564] Chanada air a’ bhliadhna so. ’S i ar guidhe dhùrachdach gu’n soirbhich leò. Tha tir-mòr na Roinn Eòrpa gu léir làn aimhreit air an àm so, ’s cha ’n ’eil fhios cuin a thig sìth as an dùbhradh eagallaich a tha ’cruinneachadh os a ceann. Chuir an Fhraing armailt làidir do’n Eadailte chum, na’m b’fhìor iad féin, gnothaichean a chur ceart ’s an Ròimh. “Cha seas a’ bhréug ach air a leth-chois,” agus ’s ann mar sin a thachair do na Frangaich aig an àm so; oir an àite càirdeas agus ceartas a dheanamh mar a bha iad a’ gabhail orra, b’ e’n ni sònruichte ’bha ’n am beachd am Pàpa ’thoirt air ais ’s a chur na shuidhe air an righ-chathair mar a bha e. Thug iad ionnsuidh air baile-mòr na Ròimh a chur fodhpa; ach sheas an luchd-àiteachaidh ’n an aghaidh gu duineal, agus ’an àite ’bhi air an cìosnachadh leis na Frangaich, mar a shaoil gach aon, ’s ann a thug iad sgiùrsadh goirt dhoibh, gus mu dheireadh am bu bhnidhe leo an casan a thoirt as. Tha ioghnadh air gach duine mar a thionndaidh na cùisean. Tha e air a ràdh gu’m b’ e ’b’ aobhair dha so nach do thuig ceannard an airm Fhrangaich agus luchd-comhairle na Frainge a chéile. Bha iad araon a’ giùlan cleòca na ceilge, ach a nis thilg iad diubh e agus cha ’n ’eil iad a’ deanadh dìomhaireachd air bith de’n chùis gur h-e am Pàpa a thoirt air ais a tha ’n am beachd, ach tha dòchas aguinn gu’n teid sin ’nan aghaidh. Tha ’n suideachadh ’s a’ bheil na Ròmanaich aig an àm so mòran nas cliùitiche na’n suidheachadh anns an robh an naimhdean ’n uair a thilg iad an uachdran féin bhàrr na righ-chaithir gun aon leisgeul aca gu an gniomharan fuilteach fhìreanachadh. Ach so far a bheil sluagh a bha ioma céud bliadhna fo chuibhrichean na h-éucorach—air an cumail ’an dall cheò an aineolais leis-san a dh’ àrdaich e féin os ceann Dhia agus dhaoine, agus an iongantach ged a chunnaic iad mu deireadh an daorsa fo’n robh iad air an cumail? Tha ’n Fhraing ann a bhi cur sios nan daoine gaisgeil so a’ dol calg dhìreach an aghaidh a reachdan féin, agus tha sin ro thoilichte ’chlunntinn mar a dh’ éirich dhoibh anns a’ chéud bhlàr. Chaidh còrr agus sea céud (600) de na Frangaich fhàgail gun deò, no air an leòn, air na sràidean. A thuille air na thuit ’s an strì chaidh ceithir chéud (400) a glacadh ’n am prìosunaich, maille ri ceithir ghunnaichean mòra. Cha do chaill na Ròmanaich ach ceithir fichead a chaidh a mharbhadh agus naoi fichead a chaidh a leònadh. Tha na saighdearan a chaidh a ghlacadh ag aideachadh gur h-ann an aghaidh an toil a thog iad riamh làmh an aghaidh nan Ròmanach; oir tha iad a faicinn gu’m b’ olc an airidh an cumail fodha air son oidhirp cho réusanta chum iad féin a shaoradh o chumhachd aimsireil agus spioradail a’ Phàpa. Tha na bheil an Fhraing a’ deanamh aig an àm so a’ cur ’n ar cuimhne an dòigh ’s an do ghnàthaich i i féin a thaobh eilean Otaheite o cheann bliadhna no dhà, ’n uair a chuir i càbhlach [TD 565] a mach le sagartan pàpanach a chum sluagh an eilean sin a cho’-éigneachadh gu gabhail r’an teagasgan bréige, agus aig an am chéudna a bha i ’gabhail oirre gu’m b’ ann a chum dìon do ’n t-sluagh a rinn i sud uile. Agus ged nach tig dhuinn a bhi ullamh gu breitheanais an Tighearna eadar-mhìneachadh, gidheadh, cha ’n urrainn duinn gun a smuaineachadh gur ceart bhreitheach mar a dh’ éirich do Louis Philippe ann a bhi air iomain o righ-chathair ’s o ’lùchairt ’n uair a bheir sinn fainear am fòirneart a rinn esan, no co dhiubh a cheadaich e bhi air a dheanamh air ban-righinn Pomare, ’n uair a bha i air a h-iomain o ’h-oighreachd féin! Gidheadh, a dh’ aindeoin gach meadhon a chleachd an Fhraing ’s a cuid shagartan, ’s gach géur-leanmhuinn a rinn iad air an luchd-teagaisg Protestanach, cha d’ iompaich iad urrad agus aon de na nàisnich gu gabhail ri’m beachdan sgriosail féin. Tha Ionad-peanais (Inquisition) na Pàpanachd ann am baile-mòr na Ròimh air fhosgladh do gach neach a thogras dol ga fhaicinn. Cha ’n ’eil neach tuigseach air bith a gheibh sealladh air na h-inneil-phianaidh a tha ’s an ionad so nach bi ’fhuath air creidimh fuilteach nam pàpanach air a mhéudachadh gu mòr. Tha na Neapolitanaich mar an céudna an déigh déuchainn fhaotuinn de thréubhantas nan Ròmanach. Chuireadh an ruaig orra an deigh deich ’us trì fichead prìosanach fhàgail an làmhan an naimhdean. Tha na h-Austrianaich agus na Hungarianaich a’ cogadh gu cruaidh. Bha na h-Austrianaich a’ buadhachadh ’s gach blàr an toiseach, ach tha ’n roth air tionndadh, ’s tha iadsan a bha air tùs an uachdar a nis an iochdar. Tha na Russianaich an déigh tionndadh leis na h-Austrianaich; ach coltach ris gach aon a chuireas a “spàinn an càl nach buin da,” fhuair iad an corragan a losgadh. Tha na Hungarianaich an déigh aon sgiùrsadh goirt a thoirt doibh; ach tha e air a ràdh gu bheil feachd ro lionmhor de na Russianaich a dol ’nan uidheam gu ionnsuidh eile ’thoirt air na Hungarianaich. Ach tha sinn meallta neo gheibh iad muinntir Hungary nas colgarra na tha iad a’ meas; oir cha’n ann an lionmhoireachd sluaigh a tha buaidh a ghnàth a’ co-sheasamh. Lionmhor ’s mar a tha na Russianaich tha sinn ’am barail gu’n d’ fhàg an gaisge iad o cheann fada. Ré fichead bliadhna bha iad ann an sìth ’s an samhchair ’n am measg féin, ’s mar an céudna r’an coimhearsnaich, agus air an aobhar sin cha ’n ’eil mòran diubh a chunnaic riamh ach dealbh a’ chòmhraig. Tha na Hungarianaich air an laimh eile ann am meadhon an tréubhantais. Tha ’n cogadh a’ dol air aghaidh eadar na Lochunnaich ’s na Gearmailtich, agus tha choslas air na Lochunnaich gu’m feum iad géilleachduinn. Tha rioghachd Phrussia a rithis troimhe chéile—mòran brisidh a mach air feadh an t-sluaigh: ach tha ’n Rìgh fathasd a’ [TD 566] gleidheil a làraich, ged gu cinnteach a tha i glé shleamhain. Tha cùisean car ’s a’ cheart dòigh ’an Hanover air a bheil bràthair-athar na Ban-righin aguinn féin ’na Rìgh. Ann an Saxony agus ann am Bavaria tha lìonmhoireachd de’n t-sluagh ag éigheach air son riaghailtean ’us laghanna ùra; agus a’ bòideachadh gu’n toir iad a mach le faobhar a’ chlaidheimh iad. Tha ’n Fhraing i féin nas mì-fhoistinniche na bha i o cheann beagan mhìosan: agus tha ’n Spàinnd mar a bha i—cogadh ’us creachadh ’an ioma cearnadh dh’i. Nach uamhasach da rìreadh an sgéula sin air cor mòran de’n t-saoghail—na ficheadan muillein sluaigh, an dara cuid a’ mort, ’s a’ marbhadh a chéile, no ’géurachadh nan clàidhean gu tòiseachdainn air an fhuileachd! Tha mòr aobhar taing aguinn gu bheil sìth agus siothchaint a’ marsuinn ’n ar rioghachd féin. Cha ’n ’eil iomradh air bith mu Eirinn an tràs’. Tha e duilich leinn innseadh gu’n tug trusdar de réubalach Eirionnach oidhirp air a’ Bhan righinn a thilgeadh; ach mar a bha ’m freasdal fabharrach cha d’ éirich béud do’r ban-uachdran rioghail, no do aon neach a bha maille rithe. Cha ’n ’eil fhios fathasd co dhiubh ’bha e ’na chiall féin ’s nach robh; ach tha e ann an làimh air an àm, ’s gun teagamh bithidh r’a bheò, ’s is maith a thoill e e. Tha ’n t-sìd ro fhàbharrach an tràs’, ’s tha bhuil, tha féur ’us fochan a’ tighin air an aghaidh gu h àillidh. Tha lòn a’ buanachadh ro shaor. Gheibhear deagh mhin choirce ’an ioma cearna air trì-tasdain-déug am bolla. Tha margaidhean cruidh ’us chaorach a’ dol air an ais gu mòr. Tha ceaird ’us cosnadh a’ fàs nas beothaile. MEARACHD.—’S an Aireamh mu dheireadh thubhairt sinn gu’n robh an Cholera ann an Ceann-Loch Chille Ciaran. ’S e mearachd a bha ann an so a dh’ éirich o ainm Béurla a’ bhaile—Campbellton. ’S e Campbellton làimh ri Inbhirnis anns an do nochd an galar so e féin. Ach tha sinn taingeil nach ’eil a bheag dh’e ’an Gàedhealtachd no’n Galldachd aig an àm. N. B. All communications in future to be addressd to PATON & RITCHIE, 3, Hanover street, Edinburgh. Those Subscribers in arears are requested to remit to the Publishers without delay. Published by PATON & RITCHIE, 3 Hanover Street, Edinburgh. AGENTS:—Thomas Murray, Argyle Street, Glasgow. Charles Paton, Perth. Lewis Smith, Aberdeen. James Smith, Inverness. J. Allen, Elgin. D. Cameron, Aberfeldy. D. Mackenzie, Nairn. Printed by WILLIAM GILCHRIST, 145 Argyle Street, Glasgow.