[TD 471] [Dealbh] ‘Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. XVI.] AN CEATHRAMH MIOS, 1849. [R’A REIC AIR SON TRI SGILLINN’. CONTENTS:—I. “The valley of dry bones,” an Exposition of Ezekiel xxxvii. 1—15, page 471. II. A Call to the Members of the Church of Scotland to Contribute to the “Five Schemes” of Christian Usefulness, page 476. III. Warning and Admonition to the Youths of the Highlands on coming to large Towns, page 479. IV. Brief Sketch of the History of Hindostan, page 485. V. Sketches of the History of France, No. I.—Murder of Louis XVI., page 491. VI. Conflicts of the Highland Clans, No. II., page 495. VII. Gaelic Proverbs, page 497. VIII. Public News:—Spain—Italy—The Sikh War—2500 of the British Army killed and wounded. I. GLEANN NAN CNAMHAN TIORMA “Bha làmh an Tighearna orm, agus thug e mach mi ann an spiorad an Tighearna, agus chuir e sìos mi ann am meadhon a’ ghlinne a bha làn de chnàmhan.” &c.—Eseciel xxxvii. 1—15. THA sealladh iongantach air a chur m’ar coinneamh anns an earrainn so de fhocal Dhé—gleann làn de chnàmhan. “Feuch! tha iad ro-lìonmhor anns a’ mhachair sgaoilte; agus feuch! bha iad ro-thioram;” agus ’nuair a tha sinn a’ beachdachadh tha iad a’ teachd a chum a chéile. Tha féithean a tighin orra agus tha craicionn ga’n còmhdachadh—tha anail fadheòidh a’ tighin ga’n ionnsuidh. Tha iad a teachd beò agus a seasamh a suas mar armailt anabharr mòr. ’Nis gun teagamh air bith ’se cheud nì a bha ann am beachd an fhàidhe le aiseiridh nan cnàmhan tiorma, na nithe mòra ’bha ann am beachd Dhé a thaobh nan Iudhach a bha aig an àm ud fo bhràighdeanas ann am Babilon. Sgrìobh Eseciel ’fhàistneachd an [TD 472] uair a bha ’bhràithrean a thaobh na feòla ann an daorsa chruaidh; a’ fulang àmhghar mhòr ann an tìr choimhich, mar pheanas ceart-bhreitheach air son an giùlan ceannairceach ’an aghaidh Dhé. Dh’ earbadh ri Eseciel achmhasan géur a thoirt doibh—a chur ’nan cuimhne na nithe mòra a rinn Dia air an son féin ’s air son an sinnseara, agus an dearmad nàrach a rinn iadsan air gach àithne, agus earail a thug e dhoibh. Ach dh’ earbadh ris mar an ceudna misneach a thoirt doibh, agus a chur an céill doibh gu’n robh iad fathasd ’nan cusbairean sònruichte air a’ ghràdh—gu’n robh nithe aige ’na bheachd d’an taobh—gu’n tugadh e iad fathasd air an ais a chum an dùthcha féin, far an sealbhaicheadh iad onair àrd agus mòr shòlas. Agus cha b’e sin uil’ e, ach ghealladh dhoibh sochairean a b’ àirde gu mòr—gheall e, cha b’e ’mhàin an toirt a mach o mheasg nan cinneach, agus an socrachadh ’nan dùthaich féin, ach gheall e cridhe nuadh, agus spiorad nuadh a thoirt doibh—gheall e a spiorad féin a chur an taobh a stigh dhiubh—maitheanas a thoirt doibh ’n an uile pheacanna; agus “an sin (arsa Dia) bithidh sibhse ann ur sluagh dhomhsa, agus bithidh mise ann am Dhia dhuibhse.” Cia gràsmhor, agus cia miorbhuileach a b’ éigin do na gealnnan so ’bhi ann am beachd nan Iudhach ’n uair a bha iad a’ gul ri taobh “shruthaibh coimheach Bhabiloin”—an clàrsaichean crochta air na “géugaibh seilich,” gun toil, no togradh air laoidhean Shioin a sheinn, ach a’ caoidh gu goirt! Cha b’ urrainn dhoibh na geallanna so ’chreidsinn—cha b’ urrainn dhoibh a smuaineachadh gu’n robh nithe co mòr aig Dia ’na bheachd d’an taobh. “Tha ar cnàmhan (ars’ iadsan) air tiormachadh—chaidh ar dòchas éug—tha ar n-ainmean air an gearradh as—shaltair na cinnich ar dùthaich àillidh fo’n casan, agus tha sinn féin ’n ar ciomaich bhochd’, thruagh, gun neart, gun dòchas! Cia mar is urrainn do na geallannan sin a bhi air an coi’-lionadh? Chaill sinn ar dòchas gu tur.” Chum misneach a thoirt do na bràighdean bochda so chaidh am fàidhe anns an Spiorad a mach, agus chuireadh e ’na sheasamh ann an gleann a bha làn de chnàmhan tioram. Dh’ iarradh air dlùth-bheachdachadh orra. Thugadh air gabhail seachad orra mu’n cuairt air gach taobh. ’An sin thubhairt an Tighearna ris, “A mhic an duine am feud na cnàmhan so teachd beò?” Agus fhreagair am fàidhe, “O! Thighearna Dhia agadsa tha fios.” Ach thubhairt Dia mu ’n taobh, “Thig iad beò;” agus tha an Tì ceudna ag ràdh a thaobh na’n Iudhach a tha ann am bràighdeanas, “Bithidh iad air an saoradh, agus air an aiseag do’n dùthaich féin—do thìr an cridhe, ’s an gaoil.” Ach cia mar a’s urrainn so a bhi? Tha dìreach air a’ cheart dòigh anns an d’ thig na cnàmhan tioram anns a’ ghleann gu bhi beò. Cha ’n ann tre aona chomas, no neart a tha annta féin; oir “feuch! tha iad anabarrach tioram.” “Ach feuch! (arsa Dia) cuiridh mise anail annta, agus bithidh iad beò. Cuiridh mi féithean orra agus bheir mi air feòil fàs orra, agus còmhdaichidh mi iad le craicionn, cuir- [TD 473] idh mi anail annta, agus bithidh iad beò. Agus mar so thig na h-Iudhaich o Bhabilon, agus gheibh iad fathasd seilbh ’n an dùthaich féin; cha’n ann le aon chumhachd, no innleachd, no gliocas a bhuineas doibh féin ach le’m Spioradsa,” deir Tighearna nan sluagh. “Feuch! O mo shluagh, fosglaidh mise ur n-uaighean, agus bheir mi oirbh teachd a nìos as ur n-uaighibh, agus bheir mi sibh gu Israeil;” agus tha sinn làn chinnteach gu’m bi an fhàistneachd so air a coi’lionadh fathasd, agus gu’n toir Dia air an ais na àm féin an sluagh sin a thilg e uaithe car tamuil. ’N uair a thig an t-àm sin bheir e iad o’n àirde Deas ’us Tuath—o’n àirde ’n Ear ’san Iar—gabhaidh iad uile ri Criosd mar am Mesiah—géillidh iad uile dhà—séididh Spiorad Iehòbha air na cnàmhan tiorma—thig iad a chum an dùthcha féin—bithidh iad a nis ’nan sluagh dhàsan, agus bithidh esan ’na Dhia dhoibhsan. Ach gabha’maid beachd eile air an t-sealladh a chunnaic Eseciel. Tha aiseiridh nan cnàmhan tiorma a’ labhairt ruinn uile, agus a’ leigeil ris duinn an t-iompachadh spioradail sin leis am bheil iadsan a bha ’nan tràillean do Shàtan ’s do ’n pheacadh air an aiseag gu saorsa ghlòrmhor cloinne Dhé. Air ar soilleireachadh le focal Dhé tha sinn a’ faicinn gleann gu mòr a’s brònaiche agus a’s eagalaiche na’n gleann a chunnaic Eseciel. Cha ’n e aon ghleann tiorail, no machair farsuing; ach an saoghal mòr sin air am bheil sin ’n ar seasamh làn de bhàs; agus cha’n e am bàs a tha milleadh a’ chuirp a mhàin, ach an dara bàs, a tha toirt sgrios air an anam. Nach bu chianail an sealladh a chunnaic Eseciel? O cheann gu ceann—o thaobh gu taobh—bha ’n gleann làn de chnàmhan. Cha robh samhladh beatha ri fhaicinn ’s a’ ghleann: ’na lèud ’s na fharsuingeachd gu léir cha robh r’a fhaicinn ach samhlaidhean a’ bhàis agus an dòlais! Uamhasach agus brònach mar a bha ’n sealladh a chunnaic am fàidhe cha’n ’eil e toirt duinn ach samhladh faoin air staid chianail an t-saoghail a tha làn de dh’ anamanna marbh ann am peacannan agus ann an eucartan. Cha ruig mi leas a chur ’n ur cuimhne gu bheil bàs a’ chuirp gu tric air a chleachdadh ann am focal Dé chum beachd a thoirt duinn air cor spioradail an anama. Nach ’eil na Sgriobturan Naomha ’g innseadh dhuinn gu bheil na h-uile dhaoine ann an staid bàis agus peacaidh? agus mar ’eil a’ bheatha spioradail aig duine—mar ’eil e air ath-bheothachadh leis an Spiorad Naomh tha e dh’ aindeon gach ni eile ’bhuinneas da, ann an cor iosal, tàireil, truagh—tha e air a leigeil ris duinn fo shamhladh bàis. Tha bheatha chorporra acasan a tha mar so, agus gu leòir dh’i. Tha iad seòlta, innleachdach, tuigseach, fiosrach nas leòir a thaobh nithean saoghalta; ach tha teaghlach mòr an t-saoghail a thaobh nàduir aineolach air Dia—gun ghràdh aca dha—gun cho-chomunn aca ris: agus mar sin tha iad marbh an uair a tha iad beò. Gur e so cor muladach dhaoine gus an iompaichear iad le Spiorad Dhé tha ’m Biobull a’ leigeil ris duinn anns gach earrainn. ’S e brigh nan Sgriobturan gu’n do chaill an cinne-daonna gu tur co-chomunn ri [TD 474] Dia—gu bheil iad ’an lorg a’ pheacaidh fo ’fheirg, agus fo ’mhallachadh, “agus mar sin buailteach do gach uile thruaighe ’s a’ bheatha so, do’n bhàs féin ’s do phiantaibh ifrinn gu sìorruidh.” Fhad ’sa bheachdaicheas sinn air nithe an t-saoghail so a mhàin, agus an saoghal eile a chumail as ar beachd faodaidh neach a bhi measail ’n ar beachd, agus maiseach air ioma dòigh: seadh ioma nì ’bhi ann a choisneas ar meas ’s air cliù; agus mar biodh aig an duine so beatha ach na tha ann an cuineinibh a shròine, agus a thig gu crìch ’n uair a thilgeas e ’n deò, bhiodh e duilich a dhearbhadh gu ’n robh e gu buileach truaillidh agus marbh ann am peacadh. Ach buinidh mac an duine, cha’n e mhàin do’n t-saoghal so, ach mar an ceudna do shaoghal eile, agus tha nithean sònruichte ann a tha Dia ’cur mar fhiachan air. Tha dleasnais aige ri’n coi’lionadh agus aignidhean aige ri’n àrach do thaobh Dhé agus ’s ann an uair a bheachdaicheas sinn ’s an dòigh so—’n uair a bheir sinn fainear a ghiùlan, ’s a chaithe-beatha thaobh Dhé, agus a thaobh nithean uamhasach an t-saoghail a tha roimhe—’s ann a thuigeas sinn gu bheil an duine, cha ’n e mhàin ’na shuain ach tur marbh a thaobh nithean spioradail. Mu mheasas sinne gu bheil a’ cholunn marbh, do bhrigh nach urrainn do’n chorp labhairt, no éisdeachd, no gluasad, ’s gu bheil e gun radharc, gun mhothachadh; air an dòigh cheudna faodar a mheas gu bheil an t-anam marbh ’nuair nach léur dha solus nèamh—’n uair nach ’eil suim aige de cheileirean agus aoibhneas nèamh—’n uair nach ’eil togradh aige an déigh sòlais nam flaitheas, no iarrtas an déigh cuideachd nan naomh ’an glòir. ’N uair a tha’n t-anam mar so, tha e cheart co marbh a thaobh an t-saoghail spioradail ’s a tha ’cholunn mharbh, ’s an corp fuar a thaobh an t-saoghail so ’n uair a tha e air a ridheadh air an déile chruaidh.—Seadh, faodaidh an t-anam a bhi comasach air labhairt agus air mothachadh le dealas, le tlachd agus dùrachd a thaobh gach ni a tha aig an t-saoghal so ri thairgse, agus na dhéigh sin uile a bhi gun togradh, gun dùrachd, gun suim no gun iarrtas an déigh nithe spioradail agus siorruidh. Faodaidh an duine ’bhi beothail, dùrachdach, éudmhor an déigh saibhreas agus fòghlum an t-saoghail so—faodaidh e ’bhi na sgoilleir ainmeil, na thuathanach glic grunndail, na fhear-ceird’ innleachdach, na mhaighstir caoimhneil iochdmhor, na sheirbhiseach dìleas onarach, na charaid bàigheil—seadh faodaidh so uile ’bhi agus gidheadh e bhi as eugmhais Dhia anns an t-saoghal so—gun ghnè air bith de’n bheatha spioradail—gun phlosg de’n deò so na anam; agus faodaidh e marsuinn anns an staid chianail sin gu uair a bhais mar dean Dia le a Spiorad séideadh air ’anam agus a bheothachadh le cumhachd o na h-àirdibh. Gus an dean Dia sin tha’n duine marbh. Thugadh neach an saoghal, agus staid muinntir an t-saoghail fainear, a’ cumail ’na chuimhne gur e “crìoch àraidh an duine, Dia a ghlòrachadh, agus a mhealtuinn gu sìorruidh,” gur ann a chum na crìche so a chruthaicheadh iad; agus ciod am beachd an [TD 475] sin a’s urrainnear a ghabhail air an t-saoghal ach gleann mòr làn de chnàmhan tiorma? Anns gach cearn’ dh’e tha ri fhaicinn fuigheal de chreutairean àrda a chruthaicheadh a chum a bhi beò gu dìlinn agus gu bràth; ach air am milleadh leis a’ pheacadh. O! an iad so na bithean àrd’ agus glòrmhor a chruthaicheadh a réir ìomhaidh Dhé a chum a thoil a dheanamh agus glòir nam flaitheas a shealbhachadh ’na làthair? Ciod so a’ phlàigh a thainig orra a chnàmh, ’s a dh’ ith a suas an fheòil, na féithean ’s a’ chàil spioradail gu tur, air chor ’s gu bheil iadsan a ghluais gu maiseach ann an solus nèimh air crìonadh air falbh, ’s air seargadh as ’n an cnaimhnichean truaillidh, gun togradh agus gun lùs spioradail—an t-anam tur as eugmhais anail nèamhaidh, a chumhachdan àrda air am milleadh—coltach ris na cnàmhan tiorma a chithear air a’ mhachair fharsuing far an do chuireadh cath fuilteach eadar armailtean lìonmhor, air an robh uisge na’n spéur a’ tuiteam agus gaothan an athair a’ séideadh fad linntean? Faodar matà gu firinneach an saoghal fhaicinn mar ghleann nan cnàmhan tiorma, marbh ann am peacadh agus ann an éuceartan. Ciod a tha sinn a’ fòghlum uaithe so uile ach gur firinneach na briathran a labhair Iosa, “Gu deimhin, deimhin a deiream ruibh, mar beirear duine ’rìs cha ’n fhaod e rìoghachd Dhé fhaicinn?” ’So focal cinnteach agus seasmhach Chriosd; agus tha na h-Abstoil uile ’togail fianuis air an fhirinn cheudna, gur h-éigin an t-atharrachadh spioradail so teachd air gach aon mu’n urrainn iad a’ bheatha mhaireannach a shealbhachadh. ’S éigin gu’m bi staid a’ chridhe air atharrachadh, agus an intinn air a soilleireachadh—gu’m bi gach togradh, dùrachd, iarrtas ’us aigne air an naomhachadh—gu’m bi an toil a réir toil Dhé—nàdar ùr agus diadhaidh air a thoirt do’n duine; agus cha ’n ’eil ni air bith eile a dh’ fhaodar a chur ’na àite so. Faodaidh duine ’bhi gu riaghailteach ann an tigh Dhé—faodaidh mòran eòlais a bhi aig’ air a’ Bhìobull—labhairt gu teòm’, ealanta ann an cainnt nan Sgriobturan, agus eadhoin tlachd a ghabhail ann a bhi ’g an léughadh—faodaidh e ’bhi caomh, truacanta agus seirceil—faodaidh ainm maith a bhi aige anns an tìr, agus anns an eaglais—a bhi air a chunntas ’na dhuine diadhaidh còir; ach mar ’eil tuille na so ri ’ràdh mu dheighinn—mar ’eil e air a dheanamh beò le Dia—mar ’eil a bheatha spioradail air a toirt dà mu’m fàg e’n saoghal so, cha choinich Dia r’a anam ann an sìth ’s an ath shaoghal. Cha ’n ’eil nèamh r’a shealbhachadh as eugmhais iompachaidh. ’So an t-slighe chumhan agus, an dorus air am féum gach neach dol a steach. Na bitheadh iongantas oirbh matà gu ’n dubhairt Criosd, “Is éigin duibh a bhi air ur breith a rìs.” Thugaibh-se a tha ga léughadh so fainear na chaidh a rádh; ’se sin, gu faod gach ni ’bhi agaibh a’s urrainn freasdal caomh an Tighearna ’bhuileachadh oirbh—faodaidh ur mic agus ur nigheanan a bhi gu gràdhach m’ur timchioll—faodaidh ur cupa a bhi ruith thairis le beannachdan—ur làithean a bhi làn subhachais, agus ur n-oidh- [TD 476] chean a bhi seimh agus taitneach—an saoghal uile bin àillidh, maiseach ’n ur beachd; ach ciod e sin uile mar tainig an t-atharrachadh spioradail so oirbh? agus tha feum aig gach neach air an atharrachadh so, eadhoin am fear a’s fearr a thaobh meas an t-saoghail, co-ionnan ris an fhear a’s miosa. Gun teagamh tha dealachadh mòr eadar duine agus duine; ach dealaichte mar a tha iad anns gach càs, agus anns gach dòigh eile, tha ’n aon fhéum aca ’bhi air an ùr-bhreith—air an dùsgadh, agus air am beothachadh le Spiorad an Tighearna. ’Nis tha’n fhirinn mhòr agus chudthromach so air a soilleireachadh dhuinn anns an t-sealladh a chunnaic Eseciel ann an gleann nan cnàmhan tiorma. ’S éigin duinn stad aig an àm; ach tha dòchas aguinn gu’m bi e ’n ar comas a chuid eile de’n t-searmoin so a thoirt seachad ’s an ath Aireamh. T. II MU DHLEASNAS GACH AOIN A BHUINEAS DO EAGLAIS NA H-ALBA COMHNADH A DHEANAMH LEATHA ANNS AN T-SOISGEUL A CHRAOBHH-SGAOILEDH FEADH AN T-SAOGHAIL. THUG sin anns a’ cheud Aireamh de’n Fhear-thathaich cunntas air na h-oidhirpean sin a tha Eaglais na h-Alba a’ tabhairt gus an Soisgeul a chur a dh’ ionnsuidh Iudhach ’us Chinneach, co maith ’s a chur do’n ionnsuidh-san ’n ar dùthaich féin a tha ’tighin beò mar chinnich—gun déigh air Criosd—gun chùram mu’n anama. Dh’ innis sinn mar an ceudna ciod a bha i ’deanamh ann an Sgoilean a ghleidheil a suas air feadh na Gàedhealtachd, agus ann an cearnaibh dorcha de’n taobh-Dheas. A rìs, anns an t-seathadh Aireamh leig sinn ris ciod an soirbheachadh a bha leis na h-oidhirpean so ré na bliadhna a thàinig gu crìch aig an àm sin—àm coinneamh an Ard-sheanaidh. Thubhairt sinn mòran aig caochladh amannan a leigeil ris gur e dleasnas gach duine a tha ’g aidmheil a’ chreidimh Chriosduidh gach ni a tha ’na chomas a dheanamh gu eòlas a’ Chreidimh sin a sgaoileadh ’am fad ’s am fagus. Cha’n ’eil sinn a’ dol a dh’ ath-ainmeachadh nan nithean so uile a rithis. Ach theireamaid far a bheil gràdh do Chriosd, no gràdh do anama—far a bheil meas, no miagh air slàinte gu bheil déigh, agus iarrtas air iadsan a tha ’dol ’am mugha a dhìbheil eòlais, a shoilleireachadh, agus a shàbhaladh. Feudaidh a h-uile duine le ’mhaoin, no le ’chomhairle, no le ’ùrnuigh—’am bitheantas leis gach uile dhòigh dhiubh cuideachadh anns an obair mhòir agus mhaith so—agus an duine nach dean so tha e a’ cur an aghaidh Chriosd, agus aobhair. Tha Criosd féin ag ràdh, “An tì nach ’eil leam tha ann am aghaidh, agus an tì nach cruinnich leam sgapaidh e.”—Mata, xii. 30. Lùc. xi 23. Gu [TD 477] cinnteach tha esan ag iarraidh an soisgeul a shearmonachadh do gach dùil; agus an duine nach cuidich gu so a dheanamh tha e gu soilleir a’ cur an aghaidh Chriosd. Ghuidheamaid air ar luchd-léughaidh smaoineachadh air a’ so ’na thràth: oir is ro eagallach an ni dol gu cathair breitheanais le agartas co trom ’n ar n-aghaidh. Ach a thuille air a so—cha ’n ’eil obair a’s fearr, a’s cudthromaiche, no’s beannaichte ris an uarainn duine ’làmh a chur fhad ’s is beò e na bhi ’cur soisgeul nan gràs agus na slàinte do’n ionnsuidh-san a tha fad as o Dhia ’us o dhòchas. Trìd an t-soisgeil feudaidh sìth, agus sonas a bhi aca ’s an àm a tha làthair—aoibhneas, agus glòir ré saoghal nan saoghal. Ach as eugais an t-soisgeil cha’n ’eil sìth—cha ’n ’eil suaimhneas—cha ’n ’eil beannachd ’s an t-saoghal so—agus cha ’n ’eil ach gul agus gìosgan fhiacal ré linnean na sìorruidheachd. Tha e iomchuidh—tha e dleasnach do Chriosduidhean aig gach àm gach ni a s urrainn dhoibh a dheanamh gu eòlas slàinteil a sgaoileadh feadh an t-saoghail. Cuimhnicheamaid gu bheil còrr agus sèa ceud muillein de’r co-chréutairean a tha ’leanmhuinn faoin-amaideachd agus dubh-ghràineileachd an iodhoil-aoraidh—gu bheil ceud gun leth muillein a’ géilleachdain do’n Fhàidhe Bhréige Mahomet—gu bheil naoi muilleinean ’n an Iudhaich—gu bheil mu sheachd fichead muillein a’ leanmhuinn ri dìomhanais mhealltach na h-Eaglaise Pàpanaich, agus na h-Eaglaise Gréugaich a tha ’na dearbh phiuthair dh’i, agus nach ’eil ach beagan ’s trì fichead muillein Protestanach mu ’n coinneamh so gu léir. Ma smaoinicheas sinn air na nithean so chì sinn gur mòr a tha ’n earbsa ris gach aon a their Protestanach ris féin: agus ma sheallas sinn a rithis cia liutha aon dhiubh-san a bhuineas ann an ainm do’n chreideamh ath-leasaichte a tha gun ath-leasachadh beachd no beatha—ach dall, agus dalma ’an aingidheachd—a’ dol air an aghaidh ’s gach mi-bhéus chì sinn cia ro mhòr ’s a tha ’n earbsa ris gach fior Chriosduidh. Ma’s iadsan solus an t-saoghail is ro fhéumail gu’m biodh gach aon ’na lòchran lasrach agus dealrach—gu’m biodh e air ro-aire nach cuir e a lòchran fo shoitheach air dhòigh ’s gu’m mair iadsan m’a thimchioll ann an dorchadas. Ma’s iadsan salann na talmhainn tha e ro fhéumail gu’m biodh iad gach là a’ frasadh an t-salainn sin air an t-saoghal chum a dheanamh caoin agus fallainn. Tha n saoghal a’ luidhe ann an aingidheachd. ’S ann an làmhan nan Criosduidhean a tha meadhon na saorsa o’n aingidheachd so. Tha ’n saoghal neo-ìompaichte gu léir ag osnaich ’s ag iomairt fo phéin a’ pheacaidh sin a tha mar theasaich bhruailleanaich anns an fhuil—mar bhioran géur ’s an fheoil—mar mhuir bhuairte anns an anam uile nach leig fèath, no fois dha ’am feasd. Tha e ann an spàirn ’s ’an cruaidh-ghleachd a’ bhàis—a’ bhàis spioradail agus shiorruidh. Ann an làmhan nan Criosduidhean tha ìoc-shlàint’ na beatha—tha ’chungaidh àghmhor, éifeachdach a leighseas uile ghalair an anama. Is aithne dhoibh-san an fhuaim aoibhneach, ait sin a tha comasach [TD 478] air gach àmhghar, gach caoidh agus bròn fhuadach air falbh—seadh a thionndadh gu caithreim bhuadhmhor—gu òran molaidh—gu gàirdeachas sìor-mhaireannach. Tha gach duine neo-iompaichte ’an cor dòruinneach a nis féin—tha e air an t-slighe a tha ’treòrachadh gu damnadh siorruidh. Aig Criosduidhean a tha’n nì sin a’s leòir gu dheanamh sona a nis agus a rithis—acasan tha facal na firinn—tha briathra na beatha—tha soisgeul Chriosd, ni a’s e “cumhachd Dhé agus gliocas Dhé chum slàinte” do na h-uile a ghabhas ris. Is cruaidh an cridheachan—is trom an cionta ma’s e ’s gu bheil iad a’ diùltadh cobhair a dheanamh airsan a tha iad a’ faicinn a’ dol a sìos do’n t-slochd—a’ bàsachadh a bhàis shìorruidh! Tha e ’na àrd dhleasnas do Chriosduidhean aig gach àm na bheil n an comas a dheanamh gu aineolas, agus truaillidheachd fhuadach air falbh bhàrr aghaidh na talmhainn—gu daoine ’sdiùradh da-rìreadh chum Chriosd, agus mar so a bhi ’nochdadh gràidh do’n co-chréutairean—mar so a bhi coi-lionadh toile Chriosd. Ach tha e ro iomchuidh dhoibh aig an àm a tha aguinn ’an tràs mosgladh, agus le ’n uile neart tionndadh ris an obair bheannaichte so. Tha breitheanais an Tighearna gu lìonmhor agus gu tròm a’ bualadh ar dùthcha féin agus dhùthchannan eile an t-saoghail. Tha bochduinn agus ganntar a’ cruaidh-theannachadh mòran de’r bochdan. Tha plàigh ’us tinneis eile a’ lìonadh ioma fàrdaich, agus a’ fàgail ioma cridhe dubhach, déurach. ’An cearnaibh eile tha creachadh, ’us dortadh fola—tha trioblaidean, agus truaighean air gach laimh. Agus am measg nan deuchainean, ’s nan uamhunn so gu léir nach sona iadsan aig a bheil sìth Dhé a gleidheil an cridheachan, ’s an intinnean trìd Iosa Criosd. Nach sona iadsan a chluinneas os ceann na doininn a’s cruaidhe ’shéideas guth caomh, ciùin ag ràdh, “Na bi fo eagal, oir tha mise maille riut—na bi fo amhluadh, oir is mise do Dhia?”—iadsan aig a bheil gach là ionad-fasgaidh o’n ghaoith, agus dìdein o’n doininn?—aig a bheil dearbh-chinnt gu bheil na h-uile nithe a’ co oibreachadh a chum am maith? Feudaidh gach Criosduidh an t-àrd shonas so a mhealtuinn gach uair. Ach “an uair a dh’ éireas dragh ’s a bhagras bàs” is bochd agus faontrach, agus truagh anns gach dòigh cor an duine sin a tha aineolach air a’ bhaile dhìdein—air dainghneach an dòchais. A rithis, a réir coslais tha amannan an ath-leasachaidh mhòir—amannan buadhachaidh na firinn a tarruing dlùth. Tha gu cinnteach “crathadh mòr ’am measg nan fineachan,” agus “soitheach-feirge” air a thaomadh air “ionad-còmhnuidh an Fhiadh-bheathaich,” ’us tha na nithean so ’n an comharran air gu bheil “glòir nan làithean deireannach” a’ tarruing ’am fagus. Ge b’e uair a dhealraicheas i air an t-saoghal bhochd, agus dhoilleir ’s ann tré mheadhoin nan Criosduidhean a sgaoileas a gathan òirdheirc, agus àghmhor. Cha’n iad naimhdean ach càirdean Chriosd a theid mar theachdairean roimh a ghnuis—a chuireas ’an céill a chliùth—a dh’ fhoillsicheas a ghlòir. Nach bu mhaith, ’s nach b’ aoibhinn leis gach aon aig a bheil cridhe gu faireachdninn e bhi ’na fhear-cuid- [TD 479] eachaidh anns na làithean so a ghreasad? agus a bheil aon nach criothnaich roimh mhallachd Mhérois a bhi air a tabhairt na aghaidh féin?—Breitheamhna, v. 23. Theireamaid ri’r luchd-léughaidh smaoineachadh air na nithean so. Chuireamaid ’n an cuimhne gu bheil Eaglais na h-Alba a’ deanamh mòran gu eòlas na slàinte a thoirt dhoibhsan a tha as iùnais. Tha i a’ gleidheil a suas Sgoilean fallainn Sgriobturail ’am mòran chearnaibh de’n Ghàedhealtachd. Tha i a’ cur mhinisteirean soisgeulach an Ear ’s an Iar—gu Iudhaich, ’us Geintilich, agus gu ar luchd-dùthcha féin a tha ann an America, ’s an cearnaibh céin eile. Tha i ag iarraidh air a sluagh uile còmhnadh leatha anns an obair mhaith, agus dhleasnaich, agus bheannaichte so. Tha an t-àm a nis dlùth—meadhon a mhìos so (15 April)—aig am bi a leabhraichean-cruinneachaidh air son na bliadhna so air an dùnadh. Tha sinn a guidhe matà orrasan a bhuinneas dh’i dìchioll a dheanamh gu’n toir iad seachad roimh an là sin—do’n luchd-tionail a dh’ ainmicheas am ministeirean f’a leth—a chuibhrionn sin de’m maoin a tha iad deònach a choisrigeadh mar so dhàsan a ghràdhaich iad agus a thug a bheatha air son sàbhaladh pheacach. Biodh iad a’ guidhe mar an ceudna gu’n robh Spiorad an Tighearna air a dhortadh nas pailte oirre-sa, agus air gach Eaglais eile a tha ’searmonachadh na firinn mar a tha i ann an Crìosd, a chum ’s gu’n robh an fhìrinn a’ ruith gu réith agus air a’ glòrachadh o éiridh gu dol fodha gréine. F. B. III. RABHADH AGUS COMHAIRLE DO OIGRIDH NA GAEDHEALTACHD. FHIR-THATHAICH RUNAICH. Ann ’ur cuairtean am measg luchd-àiteachaidh “Tìr nam beann ’s nan gleann,” is cinnteach mi gur iomad ni agus neach, a chi agus a chluinneas sibh a dhùisgeas iomad gnè smuaintean ann ur n-inntinn. Gun teagamh cha ’n e inntinn neo-shuidhichte, tuigse mhearachdach, no eòlas cuimseach a dh’ fheumas a bhi agaibh mu’n toir sibh fainear cleachduidhean, suidheachadh, agus uireasbhuidhean na muinntir am measg a bheil sibh a’ caitheadh ’ur cuairt, agus do’m bheil sibh a’ toirt a cho liugha sgéul, seòladh, agus comhairle, a tha co freagarrach do’n cor. Tha sibh da rìreadh gu “deas-theangach, glan-bhriathrach,” a’ toirt d’ur luchd-dùthcha eòlas co rianail, agus co blasda, cha ’n e ’mhàin mu àiteach fearainn, agus mu gach pòr freagarrach (nithean a tha ro fhéumail dhoibhsan a tha co fad air deireadh anns na nithe sin), ach mar an ceudna mu nithean a’s fearr, eadhoin slàint’ an anama neo-bhàsmhoir, a tha nas luachmhoire na mìle saoghal. Tha ur n-earailean do shean ’s do òg fior fhreagarrach anns an linn so, agus tha mi ’creidsinn nach bi ur saothair ann an dìomhain. Leis gach sparradh a tha [TD 480] sibh a’ deanamh air pàrantan gu oilein ’us fòghlum a thoirt do an cloinn tha e soilleir gu bheil maith an àil òig dlùth d’ur cridhe. Maille ris gach sgéul agus earail a tha sibh a’ toirt seachad, tha mi ’n dòchas nach diùlt sibh àit’ a thoirt ann ur duilleagaibh do’n oidhirp iriosail a leanas, a chum òigridh na Gàedhealtachd a chur air am faicill roimh chuid de na buairidhean d’am bheil iad buailteach ’n uair a thig iad gu Galldachd. Tha fios agaibh-se gu bheil an t-àm anns a bheil an Gàedheal òg a’ fàgail (air son na ceud uaire) na fàrdaich sin anns an do chaith e làithean a leanabaidheachd agus ’òige, ’na àm ro-chudthromach ann an eachdraidh a bheatha; agus tha ’n dòigh anns an giùlain e e féin aig an àm so, am bitheantas na chomharra cinnteach air a shoirbheachadh no ’mhi-shoirbheachadh anns a’ chuid a tha roimhe de ’bheatha. Gus an àm so bha sùil a phàrantan thairis air; ach a nis tha e mu sgaoil o gach cunglach ’us ceangal fo’n robh e, agus mar ’eil “fior eagal Dé” air, agus mar ’eil e ’toirt fainear gu bheil a shùil uile-léirsineach-san a’ faire thairis air do ghnàth—a dh’aon fhocal, mar do roghnaich e le làn rùn cridhe co d’an dean e seirbhis, tha ’staid da-rìreadh cunnartach. ’N uair a chluinneas an Gàedheal òg co maith ’s a shoirbhich le mac a choimhearsnaich, no theagamh le aon de bhràithrean féin, tha ’chridhe leum le toilinntinn, ’s tha e ’cur romhe, ma bhios e air a chaomhanadh gus an ath Bhealtuinn gu feuch e féin a’ Ghalldachd mar an ceudna. Ach òganaich! mu’n gluais thu ceum air do thuras ceadaich dhomh beagan seanachais a bhi agam riut. Tha thu fathasd theagamh anns an sgoil, agus mar sin gun ni sam bith a dheanamh air do shon féin. Tha thu gu tric a’ beachdachadh air ciod a ghnè ceirde, no oibre air an tòisich thu; agus tha thu gu minic air do lìonadh le smuaintean mu’n mheas agus mu’n onair gus an éirich thu. Tha thu mar so, ann an simplidheachd, ’s ann an neo-chiontas do chridhe, agus aineolach air na tha feitheamh ort, a’ deanamh deas gu do chùl a thoirt ris na sliosan boidheach, na coireachan grianach, agus na làraichean tiamhaidh timchioll an deachaidh do thogail. Thainig latha Bealtuinn, agus tha thusa ullamh—tha ’m bàta ’feitheamh aig a’ chreig—tha ghaoth an iar a’ séideadh gu seimh, ciùin, ’s a gealltuinn piseach air do thuras. Tha ’mhàthair sin a dh’àraich thu gu h-ùiseil a tighin leat gus a’ Phort. Tha ’cridhe ’plosgartaich, ’s a tha na sùilean sin a’s tric a bheachdaich ortsa le dealas àrd, a nis a’ sileadh nan deur: agus fathasd, am feadh a tha aon chos air a’ chreig, agus a’ chas eile ’s a’ bhàta tha i ’gabhail a cead diot—maith dh’-fheudta toirt na comhairle thaitneach so ort, agus ga séulachadh le ’déuraibh.—“A mhic, coimhid àithne t’athar, agus na tréig reachd do mhàthar: ceangail iad a ghnàth air do chridhe, daingnich iad mu d’ mhuineal. ’N uair a dh’ imicheas tu, treòraichidh iad thu; ’n uair a choidleas tu gleidhidh iad thu; agus an uair a dhùisgeas tu labhraidh iad riut. Oir is lòchran an àithne, agus is solus an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg.” Leis a so chuir am bàta fa sgaoil— [TD 481] agus tha’n deathach a tha bruchdadh a mach na dualaibh mòra caisreagach o luidheir Bhata-na-smùid—raoiceil an fheadain chaoil, maille ris gach othail a th’ air a clàr uachdair, a’ cur an céill gu bheil i ullamh. Tha thu ’nis air bòrd—tha thu ’gabhail an t-seallaidh mu dheireadh “De’n dachaidh ’s an d’ fhàs thu air àiridh an fhraoich, Far nach cluinnte ach gàirich na’m bà ’us nan laogh.” Ghluais Soitheach-na-smuid’, agus ann am priobadh tha thu air do ghiùlan air falbh mar le luathas na sgéithe o fhradharc nam beanntan àrda le currachd ciar de’n cheò suainte mu ’m mullach, agus nan gleann uaine, fasgach dlùth air an deachaidh t-àrach. Tha thu nis ’s a rithis a’ teachd ’an sealladh iomad frith-bhaile boidheach agus stìopull àrd aig iochdar nam beann agus air slios nan caol troimh ’m bheil thu air do ghiùlan. Mu dheireadh ràinig thu baile mòr Ghlascho far a bheil thu air do choinneachadh le càirdean ’s le combanaich a tha ro-thoilichte t-fhaicinn. Tha thu air do tharruing a steach do’n cheud tigh-òsda Gàedhealach a thig sibh ga ionnsuidh far a bheil t-ìota air a chosg le deur de “dhrùchd nam beann,” mar a theirear ris; agus mar so tha earrann de’n oidhche ga caitheadh ann an cridhealas ’s ann am baoth-shùgradh, gus, mu dheireadh, a bheil sprochd, agus mulad na maduine gu tur air an dì-chuimhneachadh. Thug mi thu an fhad so a charaid ghaolaich; ach mu’n teid thu nas faide ceadaich dhomh innseadh dhuit gu bheil thu nis ann an suidheachadh uile gu léir atharraichte o’n dòigh a b’ àbhaist duit a bhi; agus ma bha cruadail agus fearalas riamh féumail ’s ann aig an àm so. Cha ’n e idir an seòrsa gaisge air son an robh ar sinnsirean co iomraideach ’s na linnean dorch’ ud ’n uair a bha iad air an gairm gu connspaidean fuilteach le smùid na Crois-tàra a bhiodh air a giùlan o chnoc gu cnoc—an uair a bha buaidhean feargach an nàduir air an dùsgadh suas gu dìoghaltas agus gu h-aichmheil a thoirt a mach air son an spìd, no’n dimeas a b’fhaoine bhiodh air a thairgse dhoibh! Cha’n ann gu leithid so de ghaisge ’tha thusa idir air do ghairm an tràs’. ’S ann a tha thu air do ghairm gu buaidhean t-inntinn a chur ’am beò-chleachdadh, a chum agus gu’n coi’-lion thu a’ chrioch mhòr air son an do chruthaicheadh thu—gu gluasad gu stuama agus gu cothromach anns an t-saoghal a ta làthair, agus gu Dia a ghlòrachadh leis gach ni a ni thu. Ma tha thu cur romhad gluasad air a’ mhodh so dh’ asluichinn ort thairis air gach ni droch cuideachd a sheachnadh: “’s i sin dìreach (mar a thubhairt ar caraid dìleas am Fear-tathaich) cuideachd aobhach, amaideach, mhi-dhiadhaidh. Far an tòisich òigridh air òl, ’us ceòl, ’us aighear—nithe tha co taitneach do’n chridhe nàdurra—is goirid gus an teid iad air an aghaidh gu truailleachd ’us mi-bhéus gràineil. Gu cinnteach sgriosar combanach nan amadan; agus na smuainicheadh neach air bith gu’n seachain e droch bhéus mar seachain e droch cuideachd—gu’n seachain e peacadh mar seach- [TD 482] ain e am buaireadh a tha ’treòrachadh gus a pheacadh.” Tha iomad gnàth, agus cleachdadh ’s a’ bhaile mhòr air a bheil thusa fathasd aineolach, agus tha dòchas agam air am bi: ach ’s e an aon cheap-tuislidh sònruichte an aghaidh an cuirinn iompaidh ort an tràs’ deoch mhisgeach. Na bean, na blais, na laimhsich boinne de’n deoch bhuaireasaich sin ris an abair muinntir gu mearachdach Uisge-beatha; oir gun teagamh ’s e th’ ann uisge-bàis do na mìltean. Is e’n t-òl buaireadh a’s làidire, cunnart a’s mò, agus cleachdadh a’s milltiche a tha ’tighin ’an caramh na muinntir òig. Tha e cronail do shlàint’ a’ chuirp, agus a’ lagachadh, ’s a’ truailleadh buaidhean an anama—tha e millteach do bhéusan—tha e neo-chairdeil do rath, agus do shonas dhaoine, theaghlaichean, agus chomunn—tha e ’lasadh buaidhean feargach an nàduir—tha e ’toirt gu làr gach dion agus gach callaid a chuir nàdur mu’n cuairt oirnn; agus mar so ’g ar fàgail fosgailte do gach nàmhaid, agus ’g ar brosnachadh gus gach olc a tha ceangailte ri’r nàdur truaillidh a chur ’an gnìomh. Is e nimh gach deadh-bhéus e; agus is olc e, aon uair ’s gu’m faigh e greim air neach, a tha ach beag, do-cheannsachaidh; oir tha e ’tòiseachadh ann am beagan agus a giùlan leis gnè de thoil-inntinn mhealltaich, gus mu dheireadh, coltach ri sruth Choire-bhreacain, am bheil iad gu h-iomlan air an slugadh ann an cuairteig na pòiteireachd agus an léir-sgrios. Chunnaic mi iomad òganach flathail, le deadh sgoil, a fhuair an togail ann an eagal ’s ann an oilein an Tighearna—aig an robh an inntinnean suidhichte air nithean mòr’ a dheanamh—a’ fàgail an dùthcha le spéis, ’s le beannachd gach aoin a bha mu’n cuairt doibh—a’ tòiseachadh an t-saoghail gu fearail, agus a’ faotuinn air an aghaidh gu ro mhaith car tacain. Bha iad gach Sàbaid ri’m faicinn ’an tigh an Tighearna. Car greis chuir iad an aghaidh gach buaireadh ’s gach rioba—bheachdaich iad gu minic le dubh-ghràin air na sealaidhean duaichnidh leis an robh iad air an cuartachadh, agus mu’n deibhinn bu tric a thubhairt iad, “’Nan dìomhaireachd na tigeadh ar n-anaman-ne—r’an coi’-thional na bitheadh ar n-onoir-ne air a h-aonadh;” agus ’s ioma osna throm a tharruingeadh iad ’n uair a chuimhnicheadh iad air an aon-fhillteachd, agus air an stuaim a bha ri’m faicinn mu chagailtean am pàrantan. Ach cia mar b’ urrainn d’an cridheachan neo-amhrusach-san seasamh an aghaidh a’ bhuine mhilltich de dhroch eiseimpleir a bha ’bualadh orra o gach làimh? ’An so bha cuid a’ gnàthachadh an innleachdan carach, agus le fiamh an gàire air am bilean, theireadh iad, “Cha’n ’eil cunnart air bith dhuibh.” ’An sud bha cuid eile ’strì ri’n stuaim, ’s ri’m measarrachd fhuadach uatha le’m fochaid. Chuir cuid eile g’an tighean iad, far an robh cuirm a’ ghreadhnachais agus na fialuidheachd air a sgaoileadh, agus ’an sin chual’ iad còmhradh gràineil a’ chomhlain aingidh a tha co truaillidh ’n am béusan riusan a chuir campar air spiorad Lot am firean. A chum iad féin a dhìon o thàir, ’s o mhasladh na cuideachd sin tha iad, ann an tomhas, a’ géilleadh, agus uigh air n-uigh tha iad a’ fàs coltach [TD 483] ri’n combanaich. Thòisich agartas coguis, agus a chum faochadh fhaotuinn o saighdean géura ruith iad gu cuach na pòite. Chaill snathad na Combaisd a cumhachd—dh’ atharraich iad an cùrsa—tha iad a nis fo riaghaladh na doinionn, anamianna na feòla, miann na sùl, agus uabhar na beatha. Tha ’n gnùis ’s an dreach air atharrachadh—tha’ n eudach air fàs lom—tha iad a nis ri ’m faicinn nas bitheanta ’s an tigh-òsda air an t-Sàbaid na ann an tigh Dhé, gus mu dheireadh a bheil iadsan a dh’ fhéudadh a bhi ’n an onair, ’n an sòlas, ’s na ’m beannachd dhoibh féin, do’m pàrantan, ’s do ’n dùthaich, a nis ’n am misgeirean—a’ ruith do gach cùil a chum iad féin fholach o’n luchd-eòlais. Cò ’s urrainn bristeadh-cridhe ’m pàrantan a chur ’an céill ’n uair a chluinneas iad gu bheil iadsan ris an robh iad a’ leigeadh an uile thaice shaoghalta ’an déigh slighe ’n ionracais agus na sìth’ a thréigsinn, agus gu bheil iad a nis ’n an dian ruith air slighe na léir-sgrios? Ann an ùine ghoirid tha ’n cinn liath air an toirt sìos le bròn do’n uaigh! Mar so tha sinn a’ faicinn, ged nach cinn deadh theisteas agus saibhreas a suas ann an aon oidhche mar a rinn luibh-sgàile an Fhàidhe, gidheadh gu’n searg iad ann an ro bheag ùine. Chunnaic mi mar an ceudna (ged is duilich leam a ràdh) nìonagan banail, a’ tighin o bhrollach am màthar agus a’ gabhail cosnaidh ’s a’ bhaile-mhòr, agus trìd iomad cleachdadh millteach a tha cumanta am measg an leithidean féin, maille ri riobachan nan gillean òga; oir bheir iad a steach gun athadh iad do na tighean-òsda, coitichidh iad à’ cheud ghloinne orra gun taing, agus mar so tha na créutairean bochda air am mealladh, gus am bheil iadsan a bha gu modhail, stòlda a nis ’n am baobhan beag-narach—’n am bristeadh-cridhe, agus ’n am masladh do gach aon a bhuineas doibh: no mar is tric a tha tachairt a’ searg air falbh ann an aon de chaol shràidean salach a’ bhaile mhòir ’an lorg an amaideachd agus an cion faicill. Thachair so uile o ghnùis a thabhairt do’n chleachdadh sgriosail sin a tha air fholach fo chleòca caoimhneis, agus teo-chridheachd: ach a tha da-rìreadh mar nathair ’s an tom, nach ’eil am fear-turais a’ faicinn gus a bheil e air a lot leatha. Tha am buaireadh so gu mòr air a mheudachadh do òigridh na Gàedhealtachd leis an àireamh lionmhor de Ghàedheil a tha gleidheil nan tighean sgriosach sin—na tighean-òsda. ’An àite dol do ’n Eaglais air lath’ an Tighearna tha iad mar is trice ’còmhlachadh anns na tighean so, no ma thachras gu’n teid iad do thigh-aoraidh an dara ceann de’n latha tha iad a’ saoilsinn gur leòir e, agus gu bheil iad aig saorsa feasgar an latha naoimh sin a chaitheadh mar is àill leo. Tha iad a’ fàgail nan tighean-òsda gu tric aig uairean mi-iomchuidh, le tuainealaich ’n an cinn, le teangana liodach, le draosdachd air am bilean agus fearg air an inntinnean, gus mu dheireadh a bheil cuid diubh a’ tuiteam ’n am mill fhuar gun fhaireachduinn, o’m bheil, mar gu’m b’ eadh, beatha agus tùr air teicheadh car greis, le diomb’ air son an laimhseachaidh bhruideil a fhuair iad! Nach eu-coltach an [TD 484] staid so ris an nì ’bu mhiann leo ’bhi mu’n do dh’ fhàg iad a’ Ghàedhealtachd? Nach eu-coltach an gnàthachadh so ris na gheall iad d’am pàrantan ’n uair a dhealaich iad riutha? gidheadh is ann mar so a tha tachairt gu ro bhitheanta. Smuainicheadhmaid air cor brònach na muinntir sin an uair a tha ’n toinnisg a rithis air pilltinn riu. Ciod an sgiùrsadh cogais agus am féin-dhìteadh a tha iad a’ fulang! Tha eagal orra fear-eòlais a choinneachadh. Tha iad ag amharc sìos orra féin. Is fior da-rìreadh an sean-fhocal a tha ’g ràdh, “Is beò duine ’n déigh a chàirdean, ach cha bheò e ’n déigh a nàire.” Ged bu mhiann leis a’ mhuinntir so deanamh ni b’fhearr gidheadh tha ’n iarrtas an déigh deoch mhisgeach co dian, ’s gach aigne cheart co fann ’s nach ’eil ath-leasachadh ’n an comas. A phàrantan na Gàedhealtachd! nochdaibh d’ur gineil an cunnart a th’ann a bhi gnàthachadh dibh làidir eadhoin ann am measarrachd, mar a their daoine gu mearachdach ris, oir ’s e so a tha gu bitheanta a’ treòrachadh gu mi-mheasarrachd. Na smaoinichibh gu bheil sibh a’ deanamh ur dleasnais le mhàin iarraidh orra am buaireadh so ’sheachnadh. Féumaidh sibh eiseamplair a nochdadh dhoibh co maith ri comhairle ’thoirt orra. ’N uair a thainig iomad aon agaibh gu Port le ur cuideachd, nach tric a thug sibh a stigh do Thigh-a-phuirt iad, agus an uair a bha sibh a’ comhairleachadh dhoibh a bhi measarra agus stuama, ’s gach uile choslas uilc a sheachnadh, a bha sibh aig an àm cheudna a’ sìneadh dhoibh cuach na pòite fo stràchd de spiorad buaireasach agus a’ furan orra ’h-òl gu ’grunnd! Mo chàirdean, na biodh na nithean so mar so nas faide. Tha thusa nis mo charaid òg, theagamh, a’ feòraich, ciod is còir dhuit a dheanamh? Ann am beagan bhriathran innseam sin duit. Mar neach glic ionnsaich thusa o mhi-fhortan agus o ghòraiche na muinntir a dh’ ainmich mi. Biodh ’an eachdraidh mhuladach dhuitse mar a tha ’n tigh-soluis, ’s na comharran-fairge do’n mharaiche, a’ comharrachadh a mach gach oitir, ’us sgeir-fo-làr air am bheil e ’an cunnart long-bhriseadh a dheanamh. Fòghlum mar an ceudna o dheadh eiseamplair iomad aon de d’ luchd-dùthcha a dh’éirich gu meas agus àrd-inbhe ’an lòrg an stuamachd agus an irisleachd. Cuimhnich gu’n cuir Dia ’an aghaidh nan uaibhreach, ach gu’n toir e gràs dhoibhsan a ta iriosal. Cuir an aghaidh cleachdadh millteach na pòiteireachd a tha ’sguabadh nam mìltean do d’ chomh-chréutairean gach bliadhna do dh’ uaigh anabuich. Seas thusa gu fearail an aghaidh na tuil uamhasaich sin a tha bagradh ar rioghachd a chur a dhìth. Coma leat iadsan a their riut nach ’eil e fasanta ’bhi làn-stuama; oir is fasan e ’bhuilich Dia oirnn, agus a stéidhich e ann ar fréumh. Theagamh gu’n abair cuid eile riut nach ’eil annad ach giùgaire bochd—nach mac mar an t-athair thu—nach airidh air do dhùthaich thu—nach ’eil annad ach spìocaire beag-chridheach—gu féum thu ma’s miann leat éiridh gu inbhe agus gu h-onair, araon deoch làidir a ghabhail agus a thoirt seachad; ach na cuireadh so gluasad no mi-ghean ortsa: oir co [TD 485] riamh a chualas ag ràdh gu’n do chaill e dad, aon chuid ’na chliù no na sporan air a bhi measarra. Ann an codhunadh theirinn riut, ged a tha measarrachd féumail, gidheadh, cha ’n e an t-“aon ni féumail” e. Ged a ghluaiseas tu co faicilleach ri neach a bha riamh ’s an t-saoghal, as eugais aithreachas air son do pheacanna, agus creideamh anns “an aon ainm sin a tha air a thoirt fo nèamh am measg dhaoine tre am feud sinn a bhi air ar tèarnadh”—eadhon ainm an Tighearn Iosa Criosd—cha ’n ’éil e ’n comas duit “an t-sìth sin a tha ’dol thar gach uil’ eòlais” a shealbhachadh. Ann an dòchas gu’n tabhair sibh àite do ’n litir so agus gu’n gabh sibh mo leth-sgeul air son i bhi co fada, Creidibh gur mi le mòr spéis, Ur seirbhiseach umhal, R. M. F. IV. CUNNTAS AITH-GHEARR AIR INNSEAN NA H-AIRD AN EAR THA Impireachd co farsuinng, co ro iongantach aig Breatunn anns an Aird-an-Ear, agus tha gnothaichean co cudthromach a’ dol air an aghaidh an sin aig an àm ’s gu bheil sinn a’ meas iomchuidh cunntas aith-ghearr air an t-seilbh mhòir a tha aig ar rioghachd anns a’ chearna sin de ’n t-saoghal a chur fa chomhair ar luchd-léughaidh.—Is ann goirid da rìreadh a dh’ fhéumas e bhi ma tha e ri dol ’s an Fhear-thathaich: oir lìonadh eachdraidh air seilbh Bhreatuinn ’s na h-Innsean shuas iomad leabhar mòr—’us tha na ficheadan leabhar sgrìobhta mu’n chùis. Ach cuiridh sinn a sìos beagan nithean a bheir pàirt shoilleireachaidh mu’n dùthaich fharsuing ud. Tha Innsean na h-Aird an Ear, ’an Gàelic, co maith ’us ann am Béurla, ’na ainm farsuing, agus car sgeòdach; ’s e sin, cha ’n ’eil e furasda ràdh ciod na ceart àiteachan a tha air an gabhail a steach fo’n ainm. Mar so tha Eileanan mòra, agus sluaghmhor air an gabhail a stigh air uairibh fo’n ainm so, agus air uairibh eile tha’n earrann sin de thìr-mhòr na h-Asia ri’n abrar Hindostan, a mhàin air a chiallachadh leis. ’S e ’n dara seadh so ’s a bheil sinne a’ gabhail an ainm; agus ’s ann mu’n dùthaich sin air Tìr-mòr a bhuineas do Bhreatunn, no tha air dhòigh air bith ’an ceangal rithe a labhras sinn. Tha ann an so dùthaich anabarrach fharsuing—dlùth air naoi ceud déug mìle air fad, agus mu shea ceud déug mìle air lèud—dùthaich anns a’ bheil fonn de gach seòrsa—o’n talamh a’s reaimhe agus a’s toraiche, gus an sgàirneach a’s cruaidhe, agus na binneinean loma, géura, far nach fàs urrad agus a chòineach, no’n crotal: ach ’am bitheantas tha’n talamh sònruichte brìghmhor agus a’ toirt bharran ro throm. Tha gach seòrsa sìn’ innte, o ’n ain-teas [TD 486] chlaoidhteach a “bheireadh air an fhitheach (m’an dubhairt iad) a bhi ’cur a mach a theanga,” gus an fhuachd a reothadh an fhuil ’s na cuislean. Agus cha’n ioghnadh ged a bhiodh am fuachd mar so ’n uair a bheir sinn fainear gu bheil ’an sin beanntan—na Himmalehs—a tha ochd mìle fichead troigh (28,000) air àirde—mu sheachd àirde Bein-Nibhis—ach tha ’chuid mhòr de’n tìr ro theith, bruthainneach. Tha lìonmhoireachd fhuathasach shluaigh anns an astar mhòr so—a mach ’sa stigh mu sheachd fichead muillein—140,000,000—agus is luchd iodhail-aoraidh, no luchd leanmhuinn an Fhàidhe bhréige, Mahomet, iad so gu léir, an taobh a mach de dh’iarmad beag a tha o cheann ghoirid air an toirt gu eòlas Chrìosd. Tha aon ni ro iongantach mu’n t-sluagh so; ’s e sin, gu bheil iad uile air an roinn ’n am bannail, no ’n an seòrsachan air leth a thaobh ceird agus inbhe. Bha air tùs ceithir seòrsachan ann. 1. Na sagartan. 2. Nà fir-chogaidh. 3. Luchd-àiteachaidh a’ ghruinnd, agus luchd-malairt. 4. Seirbhisich, no tràillean. Tha tuille rannan na so ’n am measg a nis, agus tha buidhean thruagh, iosal ann ri’n abrar Pariahs, ’s iad sin frabhas, agus diù gach seòrsa—a mhuinntir a tha air son mì-ghnàthachaidh air an tilgeadh a mach á ’n comunn féin, agus nach gabhar a stigh do chomunn air bith eile. Tha riaghailtean anabarrach teann aca a thaobh gnàthachaidh gach seòrsa fa leth, agus ma tha duin’ air bith a’ deanamh gnothaich a tha eas-onarach a tha ’toirt mi-chliu air a dhream, tha e gu grad air a chur air cùl—air a chur fo chàrn—agus fhad ’s is beò e cha’n fhaigh e air ais. Cha ’n fhaigh e stigh eadhoin do’n chomunn a’s isle; ach feumaidh e gabhail leis a’ ghràisg ud a dh’ainmich sinn. Aon reachd ro chruaidh, agus ro bheag tùir a tha aca; ’se sin, nach ceadaichear do dhuin’ air son aobhair air bith dìreadh gu seòrsa no comunn a’s àirde na e sin ’san d’ rugadh e. Cha dean deadh-ghiùlan, no beairteas, no tréubhantas—cha dean ni fo’n ghréin inbh’ duin’ àrdachadh os ceann inbh’ ’athar. Feudaidh e beairteas a chur cruinn, ach ma rugadh e ’an inbh’ fir-ceird, ann an inbh’ fir-ceird bàsachaidh e féin agus a shliochd. Bha rannan ’us gàrainean-crìche mar so aca o shean ’s an Eiphit, agus ann am Persia; ach chuireadh air cùl iad ’s na rioghachdan sin, agus tha e soilleir gus am brisear sìos iad—gus am bi gach inbh ’us urram fosgailte do dh’ onair, do dh’ fhòghlum, ’s do thréubhantas mar a tha ’n ar dùthaich bheannaichte féin nach urrainn sluagh India tighin fad air an aghaidh. Tha eachdraidh nas cinntiche aguinn air earrainn de’n dùthaich mhòir ud o shean na tha aguinn air a bheag eile de rìoghachdan na h-Aird an Ear; agus so o na Gréugaich, a bha ’n an sàr sgoileirean, a dh’ fhaghuinn seilbh innte car tamuill. O cheann dà mhìle bliadhna thug Alasdair Uaibhreach le bannal beag Ghréugach rìoghachd mhòr Phersia fo chìs. Ghabh e air aghaidh a’ saltairt fo ’chasan gach aon a bha ’feuchainn ri stad a chur air a shiubhal uaibhreach—chaidh e car mìle de mhìltean a stigh ann an India, no Hindostan, a’ leantuinn cùrsa na h-aimhne, Indus, a [TD 487] tha ’toirt an ainm do n dùthaich, agus a’ ceannsachadh gach rìgh ’us prionnsa air gach làimh dh’e. Bha cuid de ’luchd leanmhuinn-san a sgrìobh cunntas mion air gach ni a chunnaic, ’s a chual’ iad air an an turus so: agus bha fear eachdraidh, Arrian, a chuir a sìos o na cunntais acasan gach ni a bha e meas a b’ fhiù a ghleidheil air chuimhne. Tha leabhraichean Arrian air sgéul gus an diugh, agus mar so o fhianuisean tuigseach agus fiosrach tha aithris aguinn air cor, agus cleachduidhean na dùthcha anns an linn chéin ud. Tha e ro iongantach gu bheil na ceart chleachduidhean, ’us dòighean air a bheil iomradh air a dheanamh leis na Gréugaich a’ marsuinn gus an diugh. Tha’n aona chainnt—an t-aon seòrs’ éididh—na h-aon rannan, agus buidhnean air fantuinn dìreach mar a bha iad gu inbhe ro bhig. Tha dùthchannan na h-Aird an Iar ag atharrachadh ach beag mar a tha na sìontan. Fàg car beagan bhliadhnachan an t-àit’ an d’ rugadh tu agus ’n uair a thilleas tu cha ’n aith’neadh tu gu’m faca tu riamh e. Ach tha co beag atharrachaidh air India agus gu bheil na nithean a dh’innseadh m’a dèighin o cheann dà mhìle bliadhna fior gus an là’n diugh. Agus ni eile a’s ion a thoirt fainear (ged is dol troimh ar naigheachd e) anns a’ cheart àite sin ’s a bheil cath co cruaidh air a ghleidheil ri armailt Bhreatuinn aig an àm so fhuair Alasdair Uaibhreach dèuchainn ghoirt o mhuinntir an àite ’na latha féin. Tha feadhain ’am beachd gur e ’cheart àr-fhaich air an do choinnich esan rìgh Porus o cheann dà mhíle bliadhna air an do choinnich arm Bhreatuinn agus na Sikhs o cheann beagan mhiosan ’n uair a chuireadh cath co fuilteach. Is ann air bruaich na h-aon aimhne, an Jhelum, a chuireadh an dà bhlàr gun teagamh, agus lean an t-seana ghaisge ri luchd-àiteachaidh nam beann sin gus an là ’n diugh. Is iad naimhdean ’bu sheirbhe a thachair air Alasasdair Mòr air a chuairt. Is iad gu cinnteach a’s seirbhe ’thachair air na Breatunnaich o na chuir iad cas air tìr ’s an Aird an Ear, agus ’s e ar guidhe nach feud iad a bhi tuille ’us searbh dhoibh fathasd. Chaochail Alasdair Mòr ann an tréine a neart ’us chaidh e féin ’s a ghlòir seachad mar bhoillsge an dr’eig anns an oidhche. Ghleidh aon de ’luchd-leanmhuinn—Selucus—seilbh anns na cheannsaich e de India car bhliadhnachan. Ach uigh air n-uigh chaidh na Gréugaich iomain as an dùthaich, agus ré cheudan bliadhna ’na dhéigh so cha ’n ’eil cunntas aguinn gu’n tug muinntir na Roinn-Eòrpa ionnsuidh air India a chur fo smachd, ged a bha mòran malairt a’ dol air aghaidh eadar an dà chearna; ach cha’n ’eil sgéul mion, no cinnteach air bith aguinn air cor na dùthcha car nan linnean so. Mu’n bhliadhna 1000 (’se sin mìle bliadhna an déigh breith Chriosd) tha cunntas aguinn air Mahmond, fear de luchd-aidmheil an Fhàidhe bhréige, agus gaisgeach ro ainmeil mar a bha Mahomet féin, a thug fo chìs a’ cheart earrann sin de dh’ India a ghlacadh le Alasdair Uaibhreach, agus nochd an sluagh ’na aghaidh-san mar an ceudna gaisge agus tréubhantas. Rinn an duine [TD 488] so sgath eagallach air an t-sluagh, agus sgrios e gu buileach bailtean agus teampuill mhòra agus ro rìomhach. An déigh a bhàis-san chaidh an Impireachd ’na sgiathan a rithis. Ghleidh a shliochd earrannan dh’i, agus ann an cearnan eile fhuair na h-uachdarain dhligheach an còraichean féin air an ais. Ach bha mòran de mhi-riaghailt, ’s de dh’ aisith air feadh gach cearna. Mu cheithir cheud bliadhna ’na dhéigh so, ’se sin mu’n bhliadhna 1390, chaidh fear-creachaidh ùr a steach do’n dùthaich, duine do’m b’ ainm Tamerlane, a thug lomadh ’us léir-sgrios air India, co maith agus air ioma dùthaich eile; ach aig a bhàs-san thill gnothaichean air an ais car mar a bha iad. Bha cath ’us còmhrag a’ sìor dhol air an aghaidh mu’n uachdranachd, agus an dùthaich ’ga milleadh ’s ga creachadh cia b’e a bha gu h-àrd, no gu h-iosal. Tha cunntas aguinn ’s a bhliadhna 1555, air duine ro chliùiteach, Ackbar, de mhuinntir India féin a rinn mòran gu sìth, ’us socair a dhainghneachadh ’s an dùthaich, agus a bha ’na mheadhon gu ioma maith a dheanamh. An déigh a bhàis-san bha’n dùthaich air a roinn eadar cuignear rìghrean, agus prionnsachan, ’us cinn-chinnidh fodhpa so—gach aon diubh mar rìgh air ’oighreachd féin. Ach mu’n àm so thòisich muinntir na Roinn-Eòrpa air India a thathaich a rithis, agus uaithe sin tha eachdraidh an dà àite an dlùth cheangal r’a chéile. An déigh America fhaghuinn a mach leis an duine ro ainmeil, Columbus, thainig mosgladh, ’us gluasad mòr air muinntir na Roinn-Eòrpa ’am bitheantas; agus thòisich iad air siubhal ’s air rannsachadh an Ear ’us an Iar. Fhuair fear de mhuinntir Phortugail do’m b’ ainm Vasco de Gama a mach gu’m feudtadh seòladh gu India. Chaidh e féin le soitheach mu ’n cuairt an “Cape of Good Hope,” agus rainig e Innsean na h-Aird an Ear. Co luath ’s a thill e dhachaidh chuireadh soitheach ’us soitheach air an turus cheudna, agus rinn muinntir Phortugail mòran beairteis air a’ bhathar luachmhor, agus rìomhach a thug iad as an Aird an Ear. Ghrad dh’ fheuch fineachan eile ’mhalairt cheudna. Ach ’s iad na Breatunnaich agus na Dùitsich a bu mhò ’rinn ’s a’ chùis. ’Se na bha iad ag iarraidh ’an toiseach cead malairt a dheanamh, agus gu so a ghleidheil air aghaidh dh’ fhéumadh iad tighean, ’us bùithean air tìr. Fhuair iad so, agus ’na dhéigh so an tuille gruinnd m’ an timchioll gus an robh bailtean beaga ac’ ’an sud ’s an so ’an cois a’ chladaich. Fhuair muinntir Phortugail gu dearbh còir o’n Phàpa air gach clod fearainn a gheibheadh iad a mach ’s na cearnan sin. Ach cha tugadh muinntir nan Innsean mòran feairt air òrduighean a’ Phàpa, ’us gu fortanach do mhuinntir Phortugal thug iad an tuille aire air malairt na air glacadh fearainn nach buineadh dhoibh, agus na h-oidhirpean a thug iad air so a dheanamh cha robh ach beag soirbheachaidh leò—dh’ iomaineadh air an ais iad gu h-ealamh. ’S ann ’s a’ bhliadhna 1660, a chuireadh air cois ann am Breatunn a’ chuideachd sin de mharsandan theagamh a’s mò a rinn [TD 489] de dhrùghadh air eachdraidh an t-saoghail na aon chuideachd eile de’n t-seòrsa a chaidh riamh ’an co-bhoinn—East India Company—mar a theirear riuth. Bha ’n so air tùs àireamh beag de mharsandan ann an Lunnainn a ghabh os làimh soithichean a chur do na h-Innsean ’n Ear, agus fhuair iad còir air malairt ris na cearnachan sin—gun chead aig duin’ air bith eile làmh a ghabhail ’s a’ chùis car chuig bliadhna déug ’an déigh dhoibh-san an còir fhaotuinn. Chuir iad a mach an soithichean agus an luchd-ceannaich, agus cha robh aobhar air bith aca gearan air gnàthachadh nan Innseanach riuth. Ach ’an ùine ghoirid ghabh na Dùitsich éud ri soirbheachadh nam Breatunnach. Thug iad uatha iomad aon de’m bailtean-malairt (Factories), agus rinn iad a h-uile ainneart a b’ urrainn iad orra. Aig an àm sin, mu 1635, ri linn Thearlaich I. ann am Breatunn bha na Dùitsich air fhaghuinn buaidh agus uachdranachd a chuain dhoibh fhéin ’an tomhas mòr; agus cha seasadh cabhlach Bhreatuinn ach ro ghoirid riuth. Ach ’n uair a fhuair an duine iongantach agus foghainteach sin, Cromwell, uachdaranachd Shasuinn ’na làimh fhéin ghrad thug e na Dùitsich thuige air cuan mar a rinn e air gach muinntir eile air an tug e riamh an aghaidh air tìr. Sgap e an cabhlaich, agus thug e do Bhreatunn aon uair eile, mar a tha aice gus an là’n diugh, uachdranachd a’ chuain—chuir e gnothaichean ’an òrdugh ’s an Aird an Ear co maith ’s an àitean eile, gus thainig a “Chuideachd Innseanach” ud air an aghaidh ann am beartas ’s an cumhachd gu mòr. Fhuair iad mu’n bhliadhna 1710 cead reic, agus ceannach feadh mòran de dh’ India gun chìs no càin a phàigheadh air son am bathair: agùs feadh nan eileanan mu’n cuairt, ’us air tìr-mòr bha bailtean aca—thog iad daingnich annta, agus ’an ùine ghoirid chuir iad saighdearan annta gu’n dìon—cha ’n urrainn dhuinn cunntas rud air bith mion a thoirt air eachdraidh na cuideachd so no air eachdraidh India. Ach bheireamaid fainear ’n uair a dh’fhàs a’ Chuideachd ro cumhachdach ghabh Pàrlamaid Bhreatuinn mar a bha iomchuidh an uachdranachd, ’an tomhas, ’n an làmhan fhéin ged a dh’ fhag iad còraichean ’us sochairean ro luachmhor aig a’ Chuideachd, mar a tha aca gus an diugh; ach car bhliadhnachan cha robh oidhirp air fearann a ghlacadh—bha iad toilichte leis na cheannaich iad o uachdarain na dùthcha. Mu dheireadh, ’s a’ bhliadhna 1748, air do iorghuill éiridh ’am measg phrionnsachan na dùthcha dlùth air Calcutta, far an robh baile malairt aig a’ Chuideachd (àite a tha astar mòr mòr deas, ’us ’n ear-dheas o dhùthaich nan Sikhs air an robh sinn ag iomradh), chaidh na Frangaich aig an robh tuineachas dlùth ’làimh ’s an eadraiginn, agus rinn iad gach ni a b’ urrainn dhoibh gus na h-Innseanaich a stuigeadh an aghaidh nam Breatunnach. Thug na Breatunnaich gun dàil an aghaidh air na Frangaich, agus air a bhuidhinn sin de na prionnsachan a bha air an taobh, agus as a so dh’ éirich cogadh a thug atharrachadh sir cor Bhreatuinn féin, a thug gu sònruichte atharrachadh air cor India, agus a tha sinn ’an dòchas a [TD 490] bhios ’na mheadhon aig a cheann mu dheireadh air saorsa ’s air sochairean aimsireil, agus spioradail Bhreatuinn a sgaoileadh feadh na tìr fharsuing a tha’n sud. ’S e Mr. Clive, a rinneadh a rithis ’na Iarla Clive, a’ cheud cheann-feachd a bha aig na Breatunnaich, agus bu duine ro ghaisgeil, foghainteach e. Thug e buaidh air na Frangaich uair, agus uair, agus ghlac e àite ainmeil ri’n abrar Arcot mu ’n do thòisich an iorghuill gu léir. Ach ’s a’ bhliadhna 1755 ghlac fear de na prionnsachan do ’m b’ ainm Surajah Dowla, Calcutta agus trì no ceithir eile de na daingnich a bhuineadh do Bhreatunn, agus rinn e gach cruaidh-chàs a b’ urrainn e orrasan a chuir e ’an làimh. Air an ath-bhliadhna ghlac Iarla Clive gach aon diubh air an ais, agus thug e am Prionnsa, no an Nabob mar a theirear ris, gu cumhnantan sìth. ’Na dhéigh so thugadh a’ chumhachd uaith’ uile, agus chuireadh fear eile ’na àite. Mu’n àm so bha cath searbh air muir ’us tìr a’ dol air aghaidh eadar na Frangaich agus na Breatunnaich mu sheilbh ann an India, ach fa dheireadh, 1761, thugadh làn bhuaidh air na Frangaich, agus dh’ iomaineadh iad gu buileach as an tìr sin. Bha ’nis cumhachd Bhreatuinn air fàs mòr ann an India, agus thug aon ’us aon de phrionnsachan na dùthcha oidhirp, mar a bha glé nàdurra, air na coigrich fhuadach air falbh. Ach cha robh aon diubh comasach air seasamh ’an aghaidh Bhreatuinn. Bha h-uile fear dhiubh a dh’fheuch a’ chùis air a thoirt fo chìs, agus ’fhearann air a ghlacadh leis na Breatunnaich. ’S e Hyder Ali a bh’ air an fhear a b’ ainmeile dhiubh so, agus chath e gu cruaidh, ’s gu dìorasach. Ach cha b’ urrainn dhàsan na bu mhò na do chàch seasamh an aghaidh nan coigreach. Dh’ fhàg e mac ’na dhéigh Tippoo Saib a bha co gaisgeil, agus co fuathach air Breatunn ris féin; agus rinn esan na b’ urrainn e ’n an aghaidh ach b’e deireadh na cùise gu’n tugadh làn bhuaidh air. Chaidh am baile mòr aige, Seringapatam, a ghlacadh ’s a’ bhliadhna 1799, agus fhuaradh e féin marbh ’am measg a chuid shaighdearan—far an robh càrn de chuirp—oir cha do theich a h-aon diubh. Sheas ’us chath iad gus an deachaidh an gearradh sìos. ’Na dhéigh so ghlacadh earrann mhòr de’n dùthaich ris an àirde tuath, agus a rithis ris an àirde deas, gus fa dheireadh, ’sa’ bhliadhna 1823 an do chuireadh Hindostan gu léir fo smachd Bhreatunn. Tha dùthaich mhonadail ri crìch Hindostan, no India, ris an airde Tuath agus ’n Iar-Thuath ris an abrar am Punjaub far a bheil ioma tréubh, agus seòrsa ’gabhail còmhnuidh—far a bheil bailtean mòra Lahore agus Mhooltan, agus far a bheil na daoine ris an abrar na Sikhs. Cha robh na Breatunnaich ag iarraidh gnothach air bith a ghabhail ris an dùthaich so; agus nochd iad gach càirdeas do’n uachdaran a bha’n sin agus bha esan càirdeil riùsan. Ach chaochail e o cheann beagan bhliadhnachan; agus co luath ’s a dh’ fhalbh esan thug na Sikhs ionnsuidh air na Breatunnaich iomain as an coimhearsnachd. Thainig iad a stigh air a’ chrìch, agus [TD 491] thog so an cogadh fuilteach a bha aguinn riuth bho cheann dà bhliadhna anns an d’ fhuair iad an cairisteachadh gu goirt. Ach co luath ’s a fhuair iad an anail a tharruing thug iad an aghaidh oirnn a rithis: agus is ann gu’n gleidheil-san ’n an àite féin a tha’n cogadh aig an àm. Thug sinn mar so cunntas aith-ghearr air Hindostan. Theagamh gu’n tionndaidh sinn ris a’ chùis fathasd, ach feumaidh sinn stad aig an àm. Is ro iongantaich’ an nì ann am Freasdal an Tighearna gu’m biodh uachdranachd agus seilbh co ro fharsuing ann an ceann eile an t-saoghail air an toirt do dh’ eilein beag, leibideach Bhreatuinn—gu’m biodh a liutha muillein sluaigh fo cheannsal aig àireamh co faoin. Cha ’n ann gun aobhar mòr a cheadaich an Tighearna so. Nach ann a chum ’s gu’m biodh soisgeul na sìth’ maille r’a mhìle beannachd, aimsireil agus spioradail air a bhuileachadh orrasan a tha aineolach air? F. B. V. EACHDRAIDH GHOIRID MU CHOGANNA NA FRAINGE—MORTADH LOUIS XVI. EARRANN I. THA ’N Fhraing na dùthaich mhaiseach agus tharbhach. Bheannaich am freasdal i le fearann tarbhach, agus le sìonta taitneach, air chor is gu’m bheil gach pòr, toradh, agus meas, a ta freagarrach air son maith duine agus ainmhidh a’ fàs innte ann am mòr phailteas. Tha àireamh sluaigh na rioghachd so anabarrach mòr. Aig an àm a tha làthair cha lugha e na dà fhichead muillein anam, ged is do thuigsinn an àireamh a chuireadh gu bàs air an àr-fhaich anns gach linn. Bha na Frangaich ’n an sluagh a bha riamh luaineach, neo-fhoisneach agus fuileachdach. Bha iad gu minic air an riaghladh le righrean comharraichte air son an an-tighearnais agus an glòir mhiann; agus a bha caoin-shuarrach ciod a dheanadh iad chum an toil féin a riarachadh. Bha ’n sluagh gu minic air an sàrachadh air an dòigh so, agus air an co’-éigneachadh chum cìsean a’ chogaidh a dheanamh suas, agus rùintean nan àrd-uachdaran aca a choimh-lionadh, ged nach biodh sgillinn de’n t-saoghal aca ’na dhéigh, chum iad féin agus an teaghlaichean a bheathachadh. Mar biodh iad umhal, agus ’n an tràillean d’an uachdaranaibh dalma, dheantadh géur-leamhuinn orra le bhi ’g an druideadh suas am prìosanaibh, far nach faiceadh sùil caraid iad, no feudaidh e bhi, gu’n rachadh an tilgeadh, no’n crochadh gun iochd, no gun tròcair air bith. Air an dòigh so, bha eagal tràilleil orra roimh ainm an rìgh, agus air dhoibh a bhi air an cumail fo chìs, agus ann an aineolas air saorsa fior-ghlan, cha robh bacadh sam bith ’ga chur air na rìghrean aca, gu deanadh mar a b’ àill leò. Bha iad [TD 492] a’ teachd beò ann an lùchairtean greadhnach—air an cuairteachadh le daoine làn seòltachd agus miodail, agus eadhon air am brosnachadh le luchd-sainnt a chum an sluagh a chlaoidh agus a shàrachadh. Dh’ fhuiling na Frangaich gun teagamh iomadh cruadail fo smachdachadh nan an-tighearn a bha os an ceann, ré iomadh linn, agus strìochd iad do chumhachd nan sagart agus nan uachdaran a bha ’gan truailleadh le doille-inntinn agus aineolas; ach mu dheireadh, bhris iad a mach le buaireas eagallach, agus nochd iad am mi-rùn an aghaidh rìgh nach robh air chor sam bith toilltinneach, mar rìghrean eile, air an gàmhlas agus an naimhdeas. Anns a’ bhliadhna 1793 mhort iad Rìgh Louis XVI. air mhodh ro ghoirisneach agus an-iochdmhor. Bha ’n rìgh so ’na dhuine ciùin, iochdmhor, agus teò-chridheach, a rinn na b’ urrainn e air son leas a shluaigh, chum am fàgail sìtheil agus sona. Rinn a’ Bhan-righinn aige an ni ceudna—Mairie Antoinette, nighean Iompaire na Gearmailt—boirionnach ro mhaiseach, ro chiùin agus cheanalta ’na giùlan. An toiseach chum an sluagh a mach gu’n robh iad anabarrach riaraichte leis an Rìgh agus leis a’ Bhan-righinn; agus bha dùil aig na h-uile gu’n sealbhaicheadh an Fhraing sìth agus suaimhneas, agus gu’m biodh gach àrd agus iosal sona. Ach, am measg an t-sluaigh, bha mòran aingidh, stéidhichte air aimhreit’, agus aig nach tlachd sam bith, aon chuid de dheadh-ghniomharan an rìgh, no de shonas nan iochdaran aige. Bha sùil aig na daoine so ris an dùthaich a riaghaladh iad féin, agus iad féin a dheanamh saoibhir le cuid nan daoine bochda. Chum na crìche so, bhrosnaich iad an sluagh aineolach chum buaireas a dheanamh, le bhi ’cur ’an céill doibh a’ bhuannachd mhòr a bhiodh e do’n Fhraing, an rìgh agus a theaghlach a chur air falbh agus a lùchairtean agus a shaoibhreas a roinn air na bochdan. Bha deadh-fhios aig an rìgh air na nithe a bha na ceannaircich aingidh so a’ miannachadh, agus dh’ fhéudadh e an cur ’an làimh air son an droch-bheirt; ach bha e sèimh agus bàigheil ’na inntinn, agus co gràineil air eadhon fuil nan ciontach féin a dhòrtadh, is gu’n d’ fhan e ’na lùchairt féin, gun ni sam bith a dheanamh ’n an aghaidh, gus an do thàlaidh iad na saighdearan gu bhi air an taobh féin. Mu dheireadh, air da a chunnart féin fhaicinn, chuir e roimhe ni-éigin a dheanamh, a chum e féin a dhìonadh o ribeachan a naimhdean—ach mo thruaighe! cha b’ fhada gus an do mhothaich e dìomhanas a rùintean; oir chunnaic e gu’n robh a naimhdean ro lìonmhor, agus a chàirdean ro thearc. Bha ’n staid anns an robh an rìgh a nis ro dhéistinneach agus muladach. Gun charaid, gun chuideachadh, gun chomas teicheadh, bha e da-rìreadh ’na chulaidh-thruais. Dh’ fhan beagan shaighdearan dìleas maille ris anns an lùchairt, ach mhortadh iad uile a’ dìonadh nan dorsan, agus cha robh ni sam bith tuilleadh gu na mortairean cruaidh-chridheach a chumail air an ais o’n rìgh. Léum iad a steach d’a sheòmar, air an armadh le clàidhean, agus dagachan, agus seas iad mar dhaoine [TD 493] ’an riochd dheamhan fa chomhair na cuideachd rìoghail. An déigh beagan mhionaidean spìon iad leò an rìgh, a bhan-righinn, am prìonns’ òg, agus a phiuthar, agus ghreas iad air falbh leò a dh’ ionnsuidh seann Dùn salach, fuar, ann am Pàris, ris an abradh iad an Teampull, agus ghlais iad suas iad air leth ann an tuill-dhubha, far nach fhaiceadh iad a chéile! Cha d’ thug iad dhoibh ach biadh agus deoch nach robh fallain, agus cha do cheadaich iad dhoibh atharrachadh éudaich no anairt! Mar so, dh’fhàgadh iadsan leis am bu ghnà a bhi air an cuairteachadh le mòran sheirbhiseach agus luchd-frithealaidh ann an lùchairt àluinn, air an druideadh suas ann am prìosan oillteil, gun lòn, gun sgeadachadh, no gun ghoireas sam bith eile freagarrach d’an inbh’ agus d’an staid! An uair a chual athair na bàn-righinn na cùisean a thachair bha mòr-chorruich air ris na Frangaich air son an dìol a rinn iad air a nighinn, air a combanach, agus air a dithis chloinne. Bha, mar an ceudna corruich air ach beag uile chumhachdan eile na Roinn-Eòrpa, air son an ni cheudna. Chuir cuid de na cumhachdan sin rompa cogadh a ghairm an aghaidh na Frainge air son saorsa do’n rìgh. Chuir ceannardan seòlta nam Frangach, an céill, air an làimh eile, nach robh a chrdh’ aig cumhachd sam bith eile dol ’san eadarginn idir, chum iadsan a bhacadh o’n toil féin a dheanamh ri’n rìgh féin. Gidheadh, ghairmeadh cogadh, agus chuireadh cathanna fuilteach, ach an déigh sin uile bha gamhlas nam Frangach an aghaidh an rìgh a’ fàs ni bu treise agus ni bu treise. Shlaod iad a mach as a’ phrìosan e, chuir iad dèuchainn air mar chiontach, dhìt iad e gu bàs! An déigh dhoibh bìnn a bhàis a thoirt a mach, chuir iad air ais do’n Teampull e chum beannachd a ghabhail le ’mhnaoi, ’chuid cloinne, agus le a phiuthair féin a’ Bhan-phrionnsa, Elisabet, a bha mar an ceudna ’na prìosanach maille ris an teaghlach rìoghail. Aig ochd uairean ’s an fheasgar, thugadh cead do na prìosanaich rìoghail dol a dh’ amharc an rìgh. Bu mhuladach da rìreadh an coinneachadh a bha ’n sin. Chròdh iad mu’n cuairt do’n rìgh, agus ré tamuill cha b’ urrainn aon de na bha làthair fiù lide a labhairt. Ghuil iad maraon gu frasach, agus cha b’ ioghnadh e. Ghiùlain an rìgh e féin gu ciùin agus gu misneachail. Thug e comhfhurtachd mar a b’ fhearr a dh’ fhaod e d’a mhnaoi, agus d’a dhithis chloinne; agus thubhairt e riu, an uair a bhiodh esan air a chur gu bàs, nach biodh leisgeul aig an t-sluagh iadsan a chumail ni b’ fhaide ’s a’ phrìosan ach gu’m faigheadh iad an saorsa. Thubhairt e ri ’mhac, a bha ’na bhalachan eireachdail mu sheachd bliadhna ’dh’aois, gu’n gabhadh na Frangaich aithreachas air son an aingidheachd, agus gu’n cuireadh iad esan fathasd air righ-chathair athar féin; agus thug e sparradh teann dha, na’n tachradh sin, gu’m féumadh e maitheanas a thoirt do’n t-sluagh a thugadh air seachran le riaghalairean aingidh, agus gun dìoghaltas sam bith a dheanamh air son bàis ’athar. Ghuil agus ghuil a’ bhan-righinn agus a clann, agus ann am meadhon an caoidh, chaidh na saighdearan a stigh, agus dhealach iad o chéile an rìgh agus a [TD 494] theaghlach! Is ann air éigin a spìon iad a mach am prionns’ òg agus a phiuthar, a rinn greim cruaidh air an athair gràdhach, agus leis nach b’àill idir idir dealachadh ris. Air an ath mhaduin, thugadh an rìgh a mach a dh’ ionnsuidh na sràide, agus thug iad ann an carbad e gu béul’aobh a lùchairt féin. ’An sin bha’n t-inneal air a chur suas air an robh e gu bàsachadh, agus air dha dìreadh suas air a ghnè chroiche a rinneadh air a shon, thòisich e gu stòlda air labhairt ris an t-sluagh. Thugadh àithne na drumaichean a bhualadh chum ’s nach cluinneadh am mòr-shluagh a bha làthair briathran an rìgh. Ach cha do chuir sin esan ’na thosd, oir thubhairt e le guth àrd, “Tha mi ’bàsachadh gu tur neochiontach de gach éucoir a chuireadh as mo leth. Tha mi ’toirt maitheanais dhoibhsan a’s coireach ri m’ bhàs; agus tha mi ’guidhe air an Tì a’s àirde nach agrar m’ fhuil-sa gu bràth air an Fhraing.” An sin chuireadh an rìgh ’na shìneadh le amhaich air ealaig—ghrad thuit an tuadh-mhòr, ghéur a bha ’n crochadh gu h-àrd, agus ann am priobadh na sùla, dhealaicheadh ceann agus coluinn an rìgh o chéile. Thachair so air 21 là de’n cheud mhìosa na bliadhna 1793. Shaoileadh neach gu’n riaraicheadh am mortadh so gamhlas nan daoine aingidh ’bu choireach ris. Cha b’ ann mar sin a bha ’chùis, gidheadh, oir rinn iad an dìol ceudna air a’ Bha-righinn. Cha do ghabh iad truas rithe air son a maise, a h-inbhe, no a déuran; ach air an 16 là de mhìosa mu dheireadh an fhoghair’ an déigh sin, thug iad an ceann dh’i, ceart mar a rinn iad air an rìgh, agus anns an àite cheudna. Air an 20 là de cheud mhìos an ath shamhraidh chuir iad gu bàs, air a’ cheart dòigh a’ Bhan-phrionnsa Elisabet, piuthar an rìgh. Bhuin iad air mhodh ni bu chruaidh-chridhiche ris a’ phrionns’ òg, na ri ’phàrantaibh; oir cha d’ thug iad as a’ phrìosan e, chum cur as da air ball, ach dhùin iad suas e mìos ’an déigh mìosa ann an ganntar eagallach gun solus, far an do chrìon e air falbh am measg salachair, gus an do bhàsaich e! Bha e ’na bhalachan tuigseach, foighidinneach, agus tha e na ni goirisneach r’a smuaineachadh gu’m buineadh créutairean sam bith, ann an riochd dhaoine, air an dòigh so ri leanabh neo-chiontach! Bha ’n obair so ni’s cosmhuile ri gniomh dheamhan na ri gniomh dhaoine. Thugadh a’ bhan-phrionnsa do na h-Austrianaich ann am malairt air son phrìosanach eile, agus mar sin thàr ise ’na h-aonar de’n teaghlach as le ’beatha. Mar so chuir na Frangach gu bàs Louis XVI., agus le sin a dheanamh choisinn iad dhoibh féin mì-ghean gach cumhachd agus rioghachd a chual’ iomradh air an an-iochd ’s an cruadhas-cridhe. Bha iad an sin gun righ, gun riaghailt, agus thòisich mortadh agus aimhreitean de gach gnè ’n am measg, a dh’ fhàg an Fhraing ’na dùthaich da-rìreadh eagallach, agus a bha ’nan aobhar do iomadh cath fuilteach an déigh sin. SGIATHANACH. [TD 495] VI. AMANNA FUILTEACH SHEAN ANNS A’ GHAEDHEALTACHD. AIREAMH II. MU’N bhliadhna 1430, thainig tighearna Airdghobhar air sgrìob do Raineach, agus phòs e nighean do thighearna Shrùthain, ceann-cinnidh Chloinn Donnuchaidh. An uair a thug fear-Airdghobhar a ’bhean leis gu ’chaisteal féin, chuir fear-Shrùthain cuignear ghillean sgairteil maille ri ’nighinn, a bha ’n an càirdean dìleas dh’i, agus anns am féudadh i a h-earbsa ’chur ’am measg choigreach. Thug uachdaran Airdghobhar seilbh fearainn do’n chuignear òganach sin dlùth d’a àite-còmhnuidh féin, agus rinn e gach nì ’na chomas chum gu’n soirbhicheadh leò. Bha iad measaìl aig muinntir Airdghobhar, air sgàth na baintighearna do’n robh mòr spéis aca; agus cha’n ’eil teagamh nach gabhadh iad féin agus an sliochd ’n an déigh, còmhnuidh air fearann Airdghobhar mar b’e mar a thachair. Bha gach aon de’n chuignear a chaidh o Raineach, tréun agus gaisgeil, ach thug am fear bu lugha dhiubh barrachd air càch uile, do thaobh gaisg’ agus tapachd, agus gu sònruichte do thaobh a theòmachd éuchdaich le bogha agus le saighead. B’e Alasdair Beag Mac Dhonnuchaidh a b’ ainm do’n òganach ealanta so, agus cha b’fhada gus an do dhùisg a lùth-chleasan, éud agus gamhlas ’na aghaidh ann an cridheachan luchd-leanmhuinn Airdghobhar. Là de na làithean, dh’ éirich connsachadh eadar Alasdair Beag agus òganach sgiamhach eile de mhuinntir Airdghobhar. Chaidh na fir a’m fionnsgan a’ chéile, ach cha b’ fhada gus an do leag Alasdair Beag an t-òganach gun deò air an raon! Cha deanadh fuireach feum tuille—b’ éigin do Mhac Dhonnuchaidh am fireach a thoirt air gun dàil sam bith. Thug e na buinn as air ball, agus cha do ghabh e tàmh, no fois, gus an d’ ràinig e a cheann-feadhna éuchdach agus cruadalach féin, “Iain Dubh Gearr,” no mar a theireadh cuid ris, “Iain Dubh nan lann,” a bha ’gabhail còmhnuidh ann an Gleann Duibh—ris an abrar a nis Gleann Lìobhainn. Dh’innis e do’n tréun-laoch Iain Dubh mar a dh’ éirich dha an Airdghobhar; agus thubhairt Iain ris, “Cha’n eagal duit a Mhic Dhonnuchaidh, gabh fasgadh fo’m sgéith-sa, agus ma thig mac màthar o Airdghobhar a chur dragh’ ort, cha teid e dhachaidh a dh’ innseadh a sgeòil.” Fàgaidh sinn a nis Iain Dubh agus Alasdair Beag ann an Gleann Liobhainn, a’ tighin air an gniomhara gaisgeil féin f’a seach, agus theid sinn le’r sgéul car tamuill bhig gu Srathghlais ann an Siorramachd Inbhirnis. Air là àraidh bha ’n Siosalach, uachdaran Shrathghlais, agus buidheann thaghta maille ris, a mach a’ sealgaireachd air feadh nam beann. Air dhoibh a bhi air an sàrachadh le siubhal nam beann, chaidh iad a steach, aig cromadh an anmoich, do bhothan [TD 496] bàntraich thruaigh a bha ri taobh an rathaid, agus gun a cead iarraidh, mharbh agus dh’ ith iad an t-aon laogh a bha air a seilbh. Cò a thachair a bhi stigh ’s an àm ach duine bochd o Ghleann Liobhainn a bha ’siubhal o àite gu àite ’g iarraidh na déirce. Cha robh na cùisean a’ còrdadh ris an duine bhochd air chor sam bith, agus thòisich e ri bhi cur dheth agus a’ gearan. Thionndaidh an Siosalach agus thubhairt e, “Ciod a tha cur ort, a bhodaich leibidich dhranndanaich?” “Cha’n ’eil a bheag (deir an duine bochd), ach tha fios agam air aon nì, ’s cha bhinn leat a chluinntinn—tha fios agam far nach biodh a’ chridhe aig an t-Siosalach e fèin a ghiùlan mar a rinn e ’s a’ bhothan so.” Las an ceann-cinnidh uaibhreach le corruich, agus thubhairt e, “Innis domh a bhodaich dhona c’àit nach biodh a chridhe agamsa mo thoil féin a dheanamh?” “Is soirbh an nì dhomhsa sin a dheanamh (ars’ am bodach bochd), oir ann an dùthaich ‘Iain Duibh nan lann ’ dh’ fhéumadh tu a bhi umhal.” Mhionnaich an Siosalach gu’m bìodh dearbhadh aige-san air sin mu’n rachadh mòran làithean seachad. Thuig an duine bochd nach biodh cùisean réidh; agus cha do chaill e ùine sam bith gus an d’ ràinig e “Iain Dubh nan lann,” agus gus an d’ innis e dha focal air fhocal mar a thachair. Fhuair Iain Dubh coire mhòr do’n duine bhochd air son a luathas-teanga, ach thug e maitheanas da, agus thòisich e air gach ni a dheanamh deas air son teachd an t-Siosalaich. Cha b’ fhad a chuir an Siosalach dàil ’s a’ ghnothach; oir cha deachaidh seachduinn thairis an uair a bha fir Shrathghlais, agus an uachdaran air an ceann air fraithibh Ghlinn Liobhainn. Bha freiceadan aig muinntir a’ Ghlinne a mach a’ gabhail beachd air gach bealach, agus chunnaic iad na tuathaich naimhdeil a’ tarruing ’am fagus. An uair a roghnaich an Siosalach àite-taimh freagarrach air a shon féin agus air son a cheatharnach, chuir e teachdaireachd a dh’ionnsuidh Iain Duibh, ag innseadh dha cuirm a bhi deas aige air son beagan cuideachd a bha teachd a dh’ amharc air o’n Airde-tuath,—“agus mar bi,” ars’ an Siosalach; ach cha dubhairt e tuilleadh. Fhuair Iain Dubh an teachdaireachd, agus thuig e gu ro mhaith a seadh. Ghrad chuir e fios air ais gu’m biodh gach ni deas a bha freagarrach air an son, agus iad a thighin air an aghaidh gu h-ealamh—“ach ma thig” ars’ Iain Dubh; agus stad e ’an sin! Thuig na laoich air gach taobh gu’n robh na cùisean gu bhi garbh, agus air gach taobh rinneadh uidheamachadh air an son. Chaidh na Siosalaich gu faicilleach air an aghaidh, agus bha Iain Dubh Gearr mar gu’m b’ann air eutromas le mireadh-chatha chum deannal cruaidh, teith a thoirt doibh. Bha seachdnar mhac aige, agus bu tréun iad. Bha iad ’n an òganaich co clis agus ealanta ’sa ghiùlan riamh iughar agus dòrlach. Chaidh ceathrar diubh air làimh dheis an ’athar, agus an triùir eile air a làimh chlì, maille ris an robh mar an ceudna Alasdair Beag Mac Dhonnuchaidh, a [TD 497] bha comharraichte ’na linn féin air son cuimse a ghabhail le saighead. Theirinn an Siosalach air ceann a dhaoine chum na h-aibhne an uair a bha na Liobhannaich thall f’an comhair air an taobh eile. Bha ceann-feadhna Srathghlais air éideadh o bhàrr gu ’bhonn le lùirich-lannaich, clogad agus ceann-bheairt, air chor ’s nach ruigeadh saighead air a leònadh. Bha ’n latha grianach—agus chunnacas gathanna na gréine mìltean air astar, a’ dearrsadh mar ghrad bhoisge an dealanaich air armachd nan laoch! Thog an Siosalach a chlogad suas os cionn a shùl, agus air a’ mhionaid sin thilg Alasdair Beag saighead a bhuail an clàr an aodainn ceannard nan Siosalach. Ghrad spàrr an duine leònta a làmh air an lot, ach ghlaodh Mac Dhonnuchaidh, “A Shiosalaich, gheibh thu an t-saighead air do chulthaobh;” ach bha ’n Siosalach gun chomas freagairt—oir thuit e marbh air an làraich! Tha ’n t àite far an tug e suas an deò fathasd air a chomharrachadh a mach le cloich, ris an abrar gus an là’n diugh, “Clach an t-Siosalaich.” An uair a chaill na naimhdean an ceannard, thréig am misneach iad, agus thionndaidh iad an cùl air na Liobhannaich. Chuir Iain Dubh an ruaig orra, agus cha d’ fhàgadh mac màthar diubh beò ach am pìobaire a mhàin!! Thugadh cead dàsan dol dachaidh a dh’innseadh sgéul a bhròin d’a chàirdean agus d’a chinneach. Goirid ’an déigh sin, thug “Iain Dubh nan lann” a nighean ’na mnaoi do Alasdair Beag Mac Dhonnuchaidh, agus tha e air innseadh gu’m bheil an sliochd fathasd lionmhor anns na criochan sin. SGIATHANACH. Clachan Chillmhoire, Toiseach na bliadhna, 1849. VII. GNATH-FHOCAIL GHAELIC. THA mòran de ghliocas gach sluaigh air a thasgadh ’s na sean-fhocail, no na gnàth-fhocail a tha cleachdta ’n am measg; agus is aithne do ’r luchd-léughaidh gu léir gu’n do mheasadh iomchuidh le Spiorad Dhé féin na Gnàth-fhocail a bha cleachdta ’am measg Israel a thional ’sa thasgadh a suas air son teagasg gach linn ’an déigh dhoibh a bhi air an glanadh, air an soilleireachadh, ’s air am meudachadh leis a’ ghliocas nèamhaidh a thugadh do Rìgh Solamh. Tha e so-fhaicinn do gach aon a tha tric ’an còmhradh ri fior shean nàsuinn na Gàedhealtachd gu’n robh gnàth-fhocail shnasmhor, ghéura, bhrìghmhor glé lìonmhor ’am measg an t-seann t-sluaigh; agus ’n uair a bha cuid de chleachduidhean aig ar sinnsirean còire a dh’fheudas sinn a bhi taingeil air son gu bheil iad a nis an tìr na dì-chuimhn’ gu cinnteach tha e na aobhar caoidh gu bheil mòran de na ràdhan géura, deas-chainnteach, agus glic’ ud air an call gun chomas an gairm air an ais. [TD 498] Cha’n aithne dhuinn gu’n tug Gàedheal riamh a bheag a dh’ionnsuidh air an gleidheil air chuimhne ach Dòmhnull Mac an Tòisich, ministear Easbuig a bha ’am bràighe Shiorramachd Pheairt o cheann a nis còrr ’us trì fichead bliadhna. ’Sa’ bhliadhna 1785 chur esan a mach leabhar anns a’ bheil mòran diubh air an cur a sìos, agus mìneachadh Béurla air a thoirt air gach aon diubh. Bha’n oidhirp a thug e ro thoillteanach air cliùth. Ach is duilich leinn a ràdh nach robh e ’na mhaighstir air a cheird. Tha ceudan de fhìor shean-fhocail Ghàelic air nach tug e iomradh. Tha feadhain diubhsan a chuir e sìos air a bheil mòran de “bhlas na Béurla,” agus anns a bheil gu soilleir tuille de dh’ fhuil Ghallda na tha de dh’ fhuil Ghàedhealaich; agus tha iad o thoiseach gu deireadh air an litreachadh (no air an spelleadh, ma’s e ’s fhearr a thuigear) air a leithid de dhòigh ’s nach ’eil e furasda an seadh, air uairibh, a dheanamh a mach. Ach leis gach “mur bhith” dhiubh so air an leabhar is fiù e a léughadh le cùram, agus aig a’ chuid is lugha tha e ’na chromaig ghoireasaich air son gnàth-fhocail eile a chrochadh oirre—tha e freagarrach air son co-chruinneachadh ùr a dheanamh m’a thimchioll, agus is dearbh leinn nach ’eil Gàedheal tuigseach air bith nach bi toilichte air son sinn a thionndadh aire ar luchd-léughaidh chum na cùise so. Tha e ’n ar beachd an fheadhain a’s fearr de Ghnàth-fhocail Mhic an Tòisich a chur a sìos ’s an “Fhear-thathaich” o Aireamh gu Aireamh; ’s a bhàrr air a so, aon fheadhain eile a’s urrainn dhuinn fhéin a thional agus a tha airidh air an gleidheil air chuimhne. Cuiridh sinn comharra mar so + air thoiseach air gach aon nach ’eil ri’m faotainn ’s an leabhar aige-san, agus tha sinn ag iarraidh mar fhìor chomain o’r luchd-léughaidh gu’n cuir iad do’r n-ionnsuidh o àm gu h-àm na sean-fhocail sin a tha cleachdta ’sa’ chearna de’n dùthaich ’s a bheil iad a’ tàmh. Ma ni iad so feudar co-chruinneachadh Ghnàth-fhocal Ghàedhealach a dheanamh a suas nas fearr na chuireadh riamh r’a chéile, agus cha’n ’eil teagamh aguinn nach bi miagh air aig ar sliochd an uair a bhios sinne air dì-chuimhn’, agus a bhios labhairt na Gàelic am measg “sgéul nan làithean a dh’ fhalbh.” ’S ann a’ call a maise, a h-ùraireachd, ’sa neart a tha cainnt nam Beann gun teagamh, ’s cha dù gu’n lean daoine rithe ’n uair a tha cainnt a tha urrad nas buadhmhoire, nas saibhre, agus nas freagarraiche gu ’ceann a thoirt a mach feadh an t-saoghail ri ruigheachd oirre. Ach cha bu mhaith leinn gu’n rachadh an t-seana Ghàelic gu tur air dìchuimhn, ’s cha bu mhaith leinn gu’m b’ ann mar a bha i, air caitheadh as le aois ’us éug, a bhiodh aon chuimhne aig ar sliochd oirre ’dh’ fheudas a bhi aca—Na’m biomaid a’ gleidheil dealbh ar n-athar no ar màthar gu eòlas orra a thoirt do ar cloinn, ’s do’n sliochd, bu taitneach leinn gu’m biodh na dealbhan sin air an tarruing mu’n d’ rinn an aois ceann ar n-athar a chromadh, no mu’n tug i ’n snuadh bhàrr gnùis ar màthar. Dìreach mar so a thaobh na seana chànain sin ’s an cuala sinn a’ cheud ghuth caomh n ar n-òige, agus theagamh ’s an cuir [TD 499] sinn a suas ar n-athchuinge dheireannach air thalamh bu ro thaitneach leinn gu’m faiceadh ar sliochd urrad de ’cruth ’s de ’coslas mar a bha i mu’n do leag an t-aog a làmh sheargaidh oirre ’s is urrainnear a chur f’an comhair. Bu deònach leinn urrad chuimhne ghleidheil air a gliocas ’s a neart, air a deadh bhuaidhean gu léir ’sa ghabhas a nis deanamh. Tha mòran de na buaidhean so ri’m faicinn ’na Gnàth-fhocail; agus uime sin tha sinn ’an dòchas gu’n dean ar càirdean Gàedhealach ’s gach cearna de’n duthaich còmhnadh leinn ’s an oidhirp a tha sinn a’ toirt gu iad so a ghledheil air sgéul. Cha ’n abair sinn a bheag tuille ach gu’n lean sinn an t-òrdugh ’s a bheil Mac an Tòisich a’ cur a sìos nan sean-fhocal—’s e sin a réir litrichean na h-Aibdeil—an toiseach iadsan a tha tòiseachduinn le “A,” a rithis iadsan anns an e “B” a’ cheud litir, agus mar sin a sìos. F. B. GNATH-FHOCAIL. “Ged shàraichear an sean-fhocal cha nàraichear e—ged dh’ éignichear e cha bhréugnaichear e.” Am fear a luidheas ’s a’ pholl togaidh e ’n làthach. An leanabh nach fòghlum thu ri d’ ghlùn cha’n fhòghlum thu ri d’ chluais—no cha ’n fhòghlum thu ri d’ uilinn. [Tha so cosmhuil ris, “Mur lùb thu ’m faillein cha lùb thu ’n crann.”] An rud a chì na big ’s e ’ni na big—an rud a chluinneas iad ’s e ’chanas iad. Am fear a ghleidheas a theangadh gleidhidh e a charaid. Am fear nach bi olc ’na aire cha smaoinich e olc fir eile. A’ bhò ’s miosa ’s a’ bhuailidh ’s i ’s àirde géum. Am fear nach cuir ’s an lath fhuar cha bhuain ’s an lath theith. Am fear a ni ’obair ’na h-àm bithidh e ’na leth-thàmh. Am fear a bhios carrach ’s a’ bhaile so bithidh e carrach ’s a’ bhail’ ud thall—no, A’ chleachd’ a bhios aig duine aig an tigh bithidh i aig’ air chéilidh- Adhaircean fada air a’ chrodh a tha fad’ air falbh—no, Iteagan bòidheach air na h-eòin a tha fad as. Am fear nach seall roimhe sealladh e ’na dhéighe. Amhairc mu’n toir thu do léum. Air dha ’bhi reamhar no caol ’s mairg nach beathaich laogh dha féin. Am fear nach teich teichear roimhe. Am fear nach gabh ’n uair a gheibh cha ’n fhaigh ’n uair is àill. Am fear a theid ’s an dris ’imridh e tighin as mar a dh’fheudas e. An toil fhéin do na h-uile ’s an toil uile do na mnathan. An car a theid ’s an t-seana mhaide ’s duilich a thoirt as—no, ’s ainmic leis dìreachadh. [TD 500] + An car a bha ’s a’ mhàthair ’s gnàth leis a bhi ’s an nighin. Am fear nach cuir snaim caillidh e greim. Aig meud na gheibh thu gu maith is lughaid na gheibh thu gu h-olc. Am fear a’s faide bha beò riamh fhuair e bàs. (Ri ’leanailt.) VIII. NAIGHEACHDAN. Tha sgrìobail ghrànnda chogaidh a’ marsuinn ’s an Spàinnd; ach ’s ann air an Eadailte gu sònruichte a tha sùilean dhaoine socraichte seach air earrainn air bith eile de’n Roinn-Eòrpa. Tha cùisean gu ro chiogailteach ’an ioma cearnaidh de’n dùthaich fharsuing sin; agus tha gnothaichean na Ròimhe mar a bha iad an uair a sgrìobh sinn mu dheireadh. Tha ’m Pàpa fathasd ’am baile Ghaeta. ’N uair a chual e gu’n robh muinntir na Ròimhe ’dol a thaghadh luchd-sdiùraidh dhoibh féin chuir e bagradh searbh do’n ionnsuidh ag ràdh, na’n teannadh iad r’a leithid gu’n cuireadh e fo “chàrn-eaglais” (excommunication) iad; agus is ni ro uamhasach so ’am beachd na muinntir a tha ’creidsinn teagasgan na Pàpanachd. Chuala sinn mu fhear dhiubh fhéin a bha gu bhi air a chur mar so fo “chàrn,” no fo “ascaoin-eaglais” leis an t-Sagart, agus sheas e ri mòran de ’n bhagradh, ’s de’n ràidheadh; ach an uair a chual e ’bhinn eagallach a bha r’a labhairt ’na aghaidh, agus a bha ’choinneal ri ’cur as os a cheann—mar chomharra air a sholus-san a bhi air a bhàthadh ann an dorchadas sìorruidh ghabh e an t-eagal, agus ghéill e. Thubhairt cuid-eigin ris ’na dheighe so gu’n do shaoil e bho na sheas e a mach co fada nach géilleadh e do’n t-Sagart mar a rinn e. “Cha b ann roimh ’n àm”—thubhairt esan. “Uam e, uam e, nach ann a bha e dol ga’m thilgeadh ’an craos an diabhol mar a thilgeadh tu cnaimh ’an craos coin.” Tha iadsan a creidsinn gu bheil comas aig an Eaglais an tilgeadh thun Shàtain, agus tha na briathran a tha air an gnàthachadh anns an druideadh a mach—anns a’ bhinn a tha air a toirt seachd—eagallach, ogluidh, seach aon chainnt a léugh sinn riamh. Cha’n ’eil ach mallachd air muin mallaichd—mallachd anns gach ni, agus anns gach àm—a nis ’s a rithis—gu subhainn, sìor. Bha so air a bhagradh gu follaiseach leis a’ Phàpa féin—leis-san a tha ga “àrdachadh féin os ceann Dhé,” agus do’n robh “aoradh air a dheanadh mar Dhia;” ach chuir muinntir na Ròimhe co suarrach e ri “fead a’ chlamhain.” ’S ann a rinn iad fanoid fhollaiseach air a’ bhagradh—agus a shrachd, ’s a shaltair iad fo’n casan na paipeirean a bha mu’n déighin. Chaidh iad air an aghaidh feadh nan Staidean Pàpanach gu léir a thaghadh uachdaran dhoibh féin mar [TD 501] nach biodh guth air a thogail ’n an aghaidh—mar nach biodh Pàpa idir ann. A nis, ged nach ’eil àite aguinn ann an so gu mòran a ràdh mu’n chùis ’s e so gnothach co iongantach agus theagamh a’s cudthromaiche a thachair ’s an Roinn-Eòrpa o linn ath-leasachaidh a’ chreidimh. Bha cumhachd aig a’ Phàpa a leithid ’s nach robh aig Rìgh, no Iompaire riamh air thalamh. Bha e a’ saltairt Rìghrean fo’ chosan, agus bha e ’cur rìoghachdan fo chàrn, fo bhròn, ’s fo uamhunn le aon fhocal o ’bhéul—le aon sgrìob de ’pheann. Thugadh mòran de’n chumhachd so uaithe aig àm an ath-leasachaidh, agus a bhàrr air ioma tilleadh a bhi air a thoirt as ’an tràs ’s a rithis—ri ’r cuimhne féin thug an duine iongantach sin Bonaparte a chumhachd aimsireil uaithe gu buileach, agus spàrr e ann am prìosan e. Ach a dh’ aindeon so gu léir bha ’chumhachd spioradail a marsuinn feadh na h-Eadailte, agus anns an Ròimh mar a bha i, agus bha a luchd-leanmhuinn a’ toirt urrad urraim dha ’s a phrìosan agus a bheireadh iad air an Rìgh-chathair. Ach a nis tha ’fhìor-mhuinntir fhéin—clann a thighe mar a their e riutha—air a chumhachd aimsireil agus spioradail a shaltairt fo’n casan, agus a’ cur ann an tur shuarrachas nam bagraidhean sin a chuireadh crith air feòil an aithrichean. Biomaid a’ guidhe gu’n robh iadsan ’us muinntir eile, cha ’n e mhàin a’ tilgeadh dhiubh cuing na Pàpanachd, ach a’ gabhail orra cuing Chriosd. Tha mòr iomradh air rioghachdan eile dhol ’an leth-sgeul a’ Phàpa, ach a bhàrr air beagan ullmhachaidh a rinn an Spàinn mu’n chuis, cha ’n fhaic sinn gu bheil ach iomradh fhéin mu rioghachdan eile, agus tha dòchas aguinn gu’n leig iad leis féin, ’s le mhuinntir a bhi socrachadh ghothaichean mar is fearr a dh’fheudas iad. Anns an Aireamh mu dheireadh thug sinn cunntas mu shéisdeadh Mhooltan. Is duilich leinn a ràdh gu’n tainig cunntas eile bho ’n àm sin co cudthromach, agus co déistinneach ’s a thainig riamh bho Innsean na h-Aird an Ear, mu bhlàr a chaidh a chur air bruaich na Jhelum; agus ged a fhuair an t-arm Breatunnach a’ bhuaidh cha b’ ann gun chasgradh agus gun dòrtadh fola. Chaidh sea thar fhichead oifigeach a mharbhadh agus sea ’s trì fichead a leòn; agus chaidh dlùth air dà mhìle ’s cuig ceud (2500) saighdear a mharbhadh no leòn! ’N am measg so bha iomad curaidh calma, gaisgeil a bhuineadh do’n Ghàedhealtachd nach till a dh’ innseadh sgéil. Chuireadh am blàr fuilteach so air an treas là deug de’n cheud mhìos (13th January). Bha Morair Gough a’ deanadh moille gun ionnsuidh a thoirt air na Sikhs gus am faigheadh e tuille cuideachaidh; ach air dha a chluinntinn gu’n robh Chutter Sing a’ tighin a chuideachadh a mhic, Shere Sing, ghluais e le ’armailt a dh’ionnsuidh na Jhelum dlùth air an robh Shere Sing ’sa chuid daoine. Ghabh an t-arm Breatunnach dà latha air an turas a bha’n so. Air an dara latha thainig na Breatunnaich an sealladh nan Sikhs; [TD 502] ach chuir iad rompa an oidhche sin a leigeadh seachad gun ionnsuidh a thoirt air an naimhdean; oir, a thaobh teas na h-aimsir agus fad an astair, bha iad ach beag air toirt thairis. Thug na Sikhs so fainear, agus a chum fearg nam Breatunnach a dhùsgadh loisg iad urchair no dhà ’n am measg gu dùlan a thoirt doibh. Dhùisg so fearg an àird-cheannaird co mòr s’ nach deanadh dad a thoileachadh ach a bhi ’na m bad. Cha’n éisdeadh e ri comhairle, no ri réusonachadh aon air bith de na h-oifigich; agus ’s ann a mhaoidh e neach air bith a thairgeadh focal a ràdh ’na aghaidh a smachdachadh gu goirt. Mu dhà uair an déigh mheadhon-latha thòisich iad air a chéile. Rinn na Breatunnaich air an àm so mar a rinn iad anns gach cath ’s an robh iad riamh, gu ro dhuineil; ach a mhàin aon de Reiseamaidean nan each (14th Dragoons) air an tainig cilsgeadh a thug orra an cùl a thoirt air an naimhdean. Rinn buidhean de na 3d Dragoons gu ro thapaidh. Dhlùthaich iad a stigh ris na naimhdean air chor ’us mu dheireadh gu’n do chailleadh sealladh orra gu buileach, agus bha eagal mòr mu’n taobh gu’m biodh iad air an gearradh sìos uile gu léir. Mu dheireadh chunnacas iad air cùl na’n naimhdean agus a’ pilleadh air an ais le luathas gàbhaidh, agus a’ gearradh rathad roimh mheadhon nan Sikhs. Ma rinneadh casgradh ’us àr air na Breatunnaich rinneadh an tuille agus an tuille a measg nan Sikhs. Mu dheireadh chaidh na Sikhs iomain air an ais gus am b’ éiginn do na bha beò dhiubh an casan a thoirt as thar na h-aimhne, Jhelum, far an deach iad a rithis an òrdugh; ach mu’n àm so thainig sgàile an anmoich orra agus b’ fheudar stad, agus loisg na Sikhs urchair a’ gabhail orra gur h-iad féin a fhuair a’ bhuaidh, ni a chuir mòr fhearg air na Breatunnaich. Shil an t-uisge feadh na h-oidhche, agus bu chianail da rìreadh an sealladh a bha ri ’fhaicinn ’nuair a thainig soillse ’n latha; agus b’e ’b’ obair do’n arm ré’n latha so ’bhi trusadh nan leònta agus a’ tiolacadh nam marbh. An cunntas mu dheireadh a thainig bha an t-arm Breatunnach gun ghluasad o bhruaich na Jhelum. Do bhrigh nach ’eil luchd-riaghlaidh Bhreatuinn riaruichte leis an dòigh air an do ghnàthaich an t-àrd-cheannard (Lord Gough) e féin aig an àm so, chuir iad seann laoch ainmeil eile ’mach a tha ro eòlach ’s na h-Innsean an Ear, Sir Tearlach Napier. Tha esan ri dol air ceann nam Breatunnach, agus cha ’n ’eil teagamh aguinn nach réitich e na cùisean. N. B. All communications in future to be addressed to PATON & RITCHIE, 3 Hanover street, Edinburgh. Published by PATON & RITCHIE, 3 Hanover Street, Edinburgh. AGENTS:—Thomas Murray, Argyle Street, Glasgow. Charles Paton, Perth. Lewis Smith, Aberdeen. James Smith, Inverness. J. Allen, Elgin. D, Cameron, Aberfeldy. D. Mackenzie, Nairn. Printed by WILLIAM GILCHRIST, 145 Argyle Street, Glasgow.