[TD 407] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. XIV.] AN DARA MIOS, 1849. [R’A REIC ARSON TRI SGILLINN’. CONTENTS:—I. The Cause, and Cure of Cholera—a Sermon from 2 Chron. vii. 13, 14, page 407. II. The order of Israel’s encampment, and march in the Wilderness—“every man by the ensign of his father’s house,” yet all following the Banner of Judah—illustrative of the “unity amid deversity” which ought to be maintained by Christian Churches, page 422. III. Education of the Young, No. IV.—common excuses for not sending Children to School, considered and answered, page 427. IV. The importance of remembering our Creator in the days of our youth—a Narrative of the sudden death of three youthful Scoffers, page 430. V. Public News—state of Rome—Austria and Hungary—Prussia—France—Spain—Italy—California and its Gold regions—Ireland—Progress of Cholera in Scotland—State of Trade and Commerce—Markets, page 435. Notice to our Readers, page 437. I. CION-FATH, AGUS LEIGHEAS NA PLAIGHE. Searmoin freagarrach do chor na dùthcha air an àm so.—Tùs an earraich 1832. “Ma chuireas mi plàigh am measg mo sluaigh; ma dh’irioslaicheas mo shluagh air an goirear m’ ainm iad féin, agus gu’n dean iad ùrnuigh, agus gu’n iarr iad mo ghnùis, agus gu’m pill iad o’n droch shlighibh, an sin cluinnidh mise anns na nèamhaibh, agus maithidh mi am peacadh, agus leighisidh mi am fearann”—2 EACHDRAIDH, vii. 13, 14. [Chaidh an t-searmoin a leanas a shearmonachadh leis an Dr Mac Leòid o cheann a nis seachd bliadhna deug an uair a thainig a’ phlàigh eagallach sin—an Cholera—air tùs a steach do Bhreatunn. Rinn an t-searmoin so mòr dhrùghadh orrasan a chual’ i, agus tha i freagarrach gu drùghadh a dheanamh air neach air bith ’s am bheil tuigse no faireachduinn. Tha a’ phlàigh—an déigh ar cladaichean fhàgail—a rithis air tighin a stigh do’r dùthaich, agus a’ gearradh a sìos nan ceudan gu h-obann. Tha aobhar soil- [TD 408] eimte aig gach aon matà mosgladh agus fheòraich, “Ciod a ni mi chum ’s gu’m bi mi air mo thèarnadh?” Cha b’ urrainn earailean a bhi na bu drùghtaiche, no seòlaidhean a bhi na bu shoilleire na gheibhear anns an t-searmoin shoisgeulaich, agus dheas-bhriathraich a tha sinn ann an so a’ cur fa chomhair ar luchd-léughaidh. Tha e duilich leinn nach ’eil àit aguinn dh’i gu léir. B’ fhéudar dhuinn iomad earrann dh’i fhàgail a thaobh a fad. Ach tha iomad fìrinn phrìseil air a cur an céill ann an cainnt ro bhlasda, shnasmhoir ’s na bheil sinn a’ toirt seachad dh’i; agus tha sinn ga cur a mach le guidhe trèibhdhireach gu’n robh i air dùsgadh—air comharle aig an àm. Tha a’ phlàigh mhillteach, bhàsmhor ag itealaich mu n cuairt orra; ach tha iad ’am bitheantas co mhi-chùramach, mhi-dhiadhaidh ’s a bha iad riamh. Tha òl, ’us mionan, ’us mi-gheanmnuidheachd a’ dol air an aghaidh dìreach mar a bha iad. O! gu’n robh an Tighearna ’na ghràs a’ toirt aithne dhoibh air là am fiosrachaidh mu’m bi na nithean a bhuineas do’n sìth gu sìorruith air am folach o’n sùilean. F. B.] THA againn anns an t-sèathadh caibdeil de’n leabhar so, an ùrnuigh dhùrachdach, bhlàth-chridheach, àrd, a chuir rìgh Solamh a suas ’n uair a choisrig e seachad do Dhia an teampull dreachmhor, àillidh, a thog e dha air sliabh Shioin. Chaidh righ Solamh suas gu altair an Tighearna; chàirich se e féin air a ghlùinibh ’an làthair a’ chomhthionail uile; sgaoil e a làmhan gu nèamh, agus thairg e suas an ùrnuigh sin a tha againn ’s an eachdraidh so, ùrnuigh air nach d’ tugadh riamh bàrr ann an àirde smuainte, ann an òirdheirceas cainnt, ann an dùrachd teas-chridheach, no ann an cràbhachd naomha. Còmhla ri gach athchuinge eile ’chuir Solamh a suas air a chòmhail ainmeil sin, tha sin a’ léughadh (vi. 28, 29.) gu’n do ghuidh e, “An uair a bhios gorta anns an tìr, an uair a bhios plàigh ann—ciod air bith plàigh, agus ciod air bith euslaint a bhios ann; ge b’e ùrnuigh, ge b e athchuinge a chuirear suas le duine sam bith, no le d’ shluagh Israeil uile,—an sin éisd thusa o na nèamhaibh, o t’ àite còmhnuidh agus maith.—Anns gach linn de’n t-saoghal ’s e Dia fear-éisdeachd, agus fear-freagraidh ùrnuigh a mhuinntir féin; agus dhearbh e air a’ chòmhail so gu’m b’e sin ’ainm, agus gur firinneach a ghealladh: oir tha sinn a’ léughadh (vii. 12.) gu’n “d’ fhoillsich an Tighearn e féin do Sholamh ’s an oidhche, agus thubhairt e ris, Chuala mi t’ ùrnuigh, agus ma dhruideas mi na nèamhan, agus nach bi uisge ann, no ma dh’ àithneas mi do na locuist am fearann itheadh suas, no ma chuireas mi plàigh am measg mo shluaigh; ma dh’ irioslaicheas mo shluagh air an goirear m’ ainm iad féin, agus gu’n dean iad ùrnuigh, agus gu’n iarr iad mo ghnùis, agus gu’m pill iad o’n droch shlighibh, an sin cluinnidh mise o na nèamhaibh, agus maithidh mi am peacadh, agus leighisidh mi am fearann.” [TD 409] So na briathran o bheil a mhiann orm labhairt ruibh air an àm. Thoilich an Tighearna Dia galar marbhtach a leigeil a mach air feadh na tìre—galar air nach robh ar sinnsirean eòlach a tha ann an tomhas mòr a’ cur gu dùlan teòmachd gach lighiche saoghalta—galar a thug cuairt sgriosail roimh iomad rioghachd, agus a tha tarruing uamhais, ball-chrith agus bàis ’na chois anns gach àite agus cearn air am bheil e a’ socrachadh. Cha chulaidh fharmaid leam cridhe an duine sin a tha comasach air eachdraidh a ghalair uamhasaich so a léughadh o’n àm a thòisich e air bruachaibh na Ganges ann an Innsibh na h-àird an Ear, gus an d’ ràinig e cladaichean Bhreatuinn, gun eagal agus gun stòldachd anama.—Agus is truagh leam da rìreadh an duine bochd sin a’s urrainn smuainteachadh gu féud an galar marbhtach so sgaoileadh air feadh lèud agus farsuingeachd na tìre—ar dùthaich thaitneach agus ar n-eileanan bòidheach a chur fàs, gun a bhi air a dhùsgadh gu trom-mhothachadh, agus air a tharruing gu tròcair a ghuidhe o’n Tì ghlòrmhor sin a tha ’deanamh air nèamh agus air talamh mar is àill leis, agus ris nach fheudar a ràdh, “Ciod, no gu-dé ’tha thu ’deanamh?” Is fada nis, o’n a bha Dia a’ labhairt ruinn ’na fhocal féin; ’s ioma rabhadh eagalach, agus faireachadh soilleir a tha ann an duilleagan an Leabhair Naoimh sin an aghaidh a pheacaidh; ’s iomad eachdraidh mhuladach a tha ann mu bhreitheanasaibh an Tighearna, agus a liutha sgrios a thug am peacadh air an t-saoghal; ach mar nach biodh suim ni b’ fhaide aig daoine do ghuth a bha iad a’ cluinntin co fada—no do eachdraidhean a bha aca o’n òige, dh’ fhosgail Dia duilleag ùr ann an leabhar mòr a fhreasdail, agus thog e a ghuth air dhòigh a shaoileamaid a cho’-éignicheadh daoine a dheòin no dh’ aindeòin gu aire ghabhail. Esan aig am bheil cluas chum éisdeachd, éisdeadh e—mo thruaighe dhàsan a dh’ fheuchas ri tionndadh air falbh!—a chluas a dhùnadh agus a chridhe a chruadhachadh, ’n uair a tha Dia féin a’ labhairt mar gu’m b’ ann as an ioma-ghaoith o shean, agus a’ dol a mach feadh na ’tìre le slat a chorruiche. Ann an labhairt o no briathra so feòraicheamaid anns a I. àite, Cò uaithe ’tha breitheanais dhosguinneach de’n t-seòrsa so a’ teachd? II. Ciod is màthair-aobhair dhoibh? III. Ciod an dòigh a’s fearr a chum saorsa, agus fuasgladh fhaotainn uapa? Na dhéigh sin comh-dhùinidh sinn le fòghnadh iomchuidh de’n iomlan. Anns a’ cheud àite, chuir sinn romhainn fheòraich, cò uaithe tha breitheanais dhosguinneach de’n t-seòrsa tha mach air feadh na dùthcha, a’ teachd? So ceisd nach ’eil duilich fhuasgladh. Thugaibh fainear, cha ’n ’eil mi ’feòraich, cionnas, no cia-mar, no cia-as a thainig an galar marbhtach a tha ’n tràs ’s an dùthaich, a stigh do’n rioghachd—ni mò tha mi ’feòraich cia-mar a tha e a’ sgaoileadh o àite gu h-àite; ach co uaithe thainig e. So ceisd a tha air [TD 410] a freagairt ann an stèigh mo theagaisg. “Ma chuireas mise (arsa Dia) plàigh am measg mo shluaigh.” ’S ann o Dhia tha gach ni dosguinneach no sealbhach, subhach no brònach a’ teachd. Tha Dia a’ riaghladh os-ceann nan uile: cha’n ’eil e comasach gu’n tachair ni air bith troimh fharsuingeachd a’ chruinne-ché ach mar a tha Esan ag àithneadh, no a’ ceadachadh. Am bheil thu ’am barail, a dhuine gun tuigse, gu’n do thilg Dia thar a laimh an saoghal àillidh, maiseach so mar dhìlleachdan truagh gun athair; ’na chulaidh-fhanoid aig gach dosguinn, agus ’na bhall-cluiche aig gach tuiteamas a thig ’na charamh? An saol thu gu bheil an saoghal so mar luing air chuan, gun stiùir ’s gun fhear-eòlais—air a h-udal air aghaidh nan uisgeachan an eisimeil gach doinionn a shéideas, agus gach lunn tròm a bhuaileas? An àill leat a ràdh, gur e an nì sin ris an abair thusa tuiteamas, dàn, no fortan dall, dorcha, ’tha riaghladh an t-saoghail?—Amaideachd nan amaideachd! B’e sin a bhi cur neo-ni ann an cathair an Dé a’s àirde.—Tha Dia ann:—agus ’na làimh tha stiùir an domhain mu’n iadh a’ ghrian, agus Esan a tha riaghladh mìle agus deich mìle saoghal—Esan a tha air a chuartachadh le ainglibh agus àrd-ainglibh—’na shuidhe ann an àirde glòire nam Flaitheas—ann an nèamh nan nèamh, tha e air a’ cheart àm so aig do dheas-làimh-sa, agus aig mo dheas-làimh-sa, a’ cur gach braon fola ’s a’ chridhe fo ghluasad—a’ toirt dhuinn na h-uile deò analach a tha sinn a’ tarruing—agus a’ buileachadh oirnn na h-uile sochair agus sòlas a tha sinn a’ sealbhachadh. “Tha Dia a’ riaghladh—deanadh an talamh gàirdeachas—agus lìonmhoireachd nan eileanan biodh iad ait!” Agus a nis, ma tha Freasdal Dhé mar so a’ riaghladh thairis air na h-uile nithe, am beag co maith ’s am mòr, an e gu feud dosguinn, plàigh, no éucail fhollaiseach, choitchionn teachd air rioghachd no air sluagh as eugmhais a chead? Ciod a tha ann an cogadh, ann an gorta, ann am plàigh, ach teachdairean an Tighearna? Tha a’ phlàigh gu h-àraidh air a leigeil ris duinn ’s a’ Bhìobull mar shlat-chorruiche ann an làimh an Tighearna chum rioghachdan peacach, aindiadhaidh, mi thaingeil a smachdachadh: agus tha eachdraidh Phàraoh, agus eachdraidh Israeil ga dhearbhadh so dhuinn; ’s ma bha plàigh no euslainte riamh a mach air feadh an t-saoghail a tha da rìreadh mar bhreitheanas comharraichte a làimhe, ’s e ’n galar marbhtach a tha nis ’an déigh an dùthaich so a ruigheachd, e. Cha ’n ’eìl an galar so coslach ri galar saoghalta sam bith air am bheil sinn eòlach ’s a tha e ri beithir dealanaich, no peileir tàirneanaich o na spéuraibh. Buailidh e ’am bitheantas cho obann ri saighead o’n bhogha: thig e air uairibh gun rabhadh, gun fhaireachadh—tha e co dorcha, do-thuigsinn leis gach lighiche—co cas, dian, marbhtach ’s nach ’eil e comasach dhuinn amharc air ach mar theachdaire-bàis o Bhreitheamh an t-saoghail a’ gairm air a chreutairean bochda imeachd air ball o’n t-saoghal so, agus am binn shiorruidh fhaotuinn.—So ma ta am beachd a tha am Bìobull a’ toìrt dhuinn air breitheanasan de’n t-seòrsa so. Feudaidh sibhse iomad leabhar a [TD 411] tha air an cur a mach mu’n ghalar so a léughadh, gidheadh gu truagh! gun aon fhocal fhaotainn annta o thoiseach gu deireadh mu fhreasdal an Tighearna Dia, no iomaradh air a làimh! Tha Esan a’ togail a ghuth ’s an doinionn, ach cha’n éisd an sluagh—tha a ghàirdean lòm, rùisgte, ach cha’n fhaic iad! Agus a nis, anns an II. àite, Feòraicheamaid ciod e màthair-aobhair nam breitheanas follaiseach sin a tha teachd air an t-saoghal. Chunnaic sinn gur ann o Dhia a tha iad a’ teachd—feòraicheamaid c’ arson a tha e ’gan leigeil ’an caramh rioghachd, no sluaigh? ’Se am peacadh a’s màthair-aobhar dhoibh. ’Se so a tha tarruing a nuas dioghaltais, agus breitheanais Dhé anns gach linn de’n t-saoghal. Mur biodh peacadh ’s an t-saoghal cha bhiodh truaighe air bith ann. Nach ann tre’n pheacadh a thainig truaighe, eucail, agus gach gnè ’tha caillteach a stigh air a’ Chruinne? Fhad ’s a dh’ fhan ar ceud sinnsirean naomha, neo-lochdach, cha robh eòlas aca air truaighe—cha robh cràdh, no ciùrradh—cha robh osna no bròn; ach thainig peacadh a stigh, agus ’na chois thainig truaighe. Léugh eachdraidh an t-saoghail a nuas o’n latha sin anns an d’ fhògradh Adhamh agus Eubha mach á pàras, agus chì thu an fhìrinn so air a soilleireachadh—anns an dìle mhòir (faic Gen. xi. 5.)—’an sgrios Shodoim (Gen. xviii. 20)—a thaobh smachdachadh Israeil (faic Lebhit. xxvi. 21—25. Deut. xxviii. 15—21. Ierem. xxix. 17—19). Fiosraicheadh rioghachdan an t-saoghail matà o so, gur iad am peacanna féin màthair-aobhair gach breitheanais, agus sgrios a ta Dia leigeil ’nan caramh:—agus thusa O! Bhreatuinn, ge h-uaibhreach, àrd do cheann, tuig thusa mar an céudna air an àm so, gur e Dia ’tha labhairt riut, agus gur h-iad do pheacanna gràineil a tha brosnachadh an Tighearna chum slat a chorruich a thogail a nis os do cheann! Tuigeadh luchd-àiteachaidh na tìre agus bitheadh iad glic. “An aithne do’n chorra-bhàin anns an adhar, àm a teachd; agus an aithne do’n choluman agus do’n chorra-mhonaidh agus do’n ghobhlan-ghaoithe àm an teachd, agus an e nach tuig an sluagh breitheanasan an Tighearna?” Aidicheamaid e mar is àill leinn, ach tha breitheanasan Dhé a mach. Tha iad a’ gabhail an cuairt ceithir thimchioll an t-saoghail: agus ràinig iad sinne. Is fada o’n a chunnaic sinn na spéuran a’ fàs duaichni, doilleir mu thuath—chuala sinn gàir na gaillinn a’ teachd oirnn—chriothnaich sinn roi’n fhuaim, oir bha bas-bhualadh a’ bhròin air a siubhal—dhlùthaich na siantan gailbheach gu oirthir na tìre—mheataich cridheachan na h-aiteam a bu mhisneachala, agus thainig sgàth air a’ mhuinntir a bu tréine. Fa-dheòidh shocraich an nèul dorcha calg-dhìreach os ar ceann; thuit braona troma mar rabhadh air an dìle—tha iad fathast a’ tuiteam; ach co dhiubh a sgàineas am maoim oillteil mar throm-bhuinne bàsmhor thairis oirnn, no ’dh’fhuadaichear as an t-sealladh e gu fàsach fharsuing a’ chuain, aig Dia, agus aig Dia a mhàin a tha fios—A [TD 412] dh’ aon chuid ma thig an dìle, thoill sinn e; ma sgaoileas an nèul dorcha gun bhristeadh, do thròcair Dhé gu’n robh a ghlòir! Cò is urrainn àicheadh gu’n do thoill sinn smachdachadh?—Is mòr, is mòr a tha aguinn ri freagradh air a shon seach sluagh air aghaidh an t-saoghail. Nach do thagh Dia sinn a mach mar shluagh sònruichte dha féin? Nach do dheònaich e dhuinn sochairean aimsireil agus spioradail ann an tomhas nach do bhuilicheadh air sluagh eile air am bheil iomradh. Ge mòr e r’a ràdh, gidheadh tha e fìor, nach do shònruich an Tighearna riamh rioghachd air an d’ éirich a’ ghrian, mar chuspair àraidh a chaoimhneis air an dòigh, agus anns an tomhas anns an d’ rinn e Breatunn. Cha’n ’eil mi a’ labhairt mu’n bhalla-dhìdein a chuir e mu’n cuairt oirnn—mu’n challaid làidir air nach d’ fhuair nàmhaid r’ar linn-ne thairis. Cha’n ’eil mi a’ labhairt mu’n tèaruinteachd a dheònaich e dhuinn, agus mu’n fhasgadh a fhuair sinn o gach àmhghar agus atharrachadh ceannairceach, fuilteach a thainig air dùthchanna eile; air dhòigh ’s nach faca sinn ar tighean air an losgadh—ar n-eaglaisean air an tilgeadh bun-os-ceann—ar n-aimhnichean air an deargachadh le fuil, no ar clann ’s ar càirdean air am murtadh mu choinneamh ar sùl! Cha ’n ’eil mi a’ labhairt mu ’n t-soirbheachadh bhuadhach a leig e anns gach dòigh ’nar caramh, tre’n do thog Breatunn a ceann co àrd ’am measg rìoghachdan an t-saoghail; ionnas ge nach ’eil i ach mar sgeir bhig, iomallaich, air aghaidh a’ chuain, gu bheil a h-ainm ’s a cliù ’s a mòralachd air an iomradh feadh an t-saoghail: agus urram air a thoirt dh’i mar bhàn-righ am measg nan rioghachd.—Cha ’n ’eil mi a’ labhairt mu mheud, no mu luach, no mu fharsuingeachd ar malairt—ionnas nach ’eil àite, no cala ’s an domhan anns am bheil dad ri fhaotainn, no r’a thoirt air falbh, anns nach faicear ar luingeis.—Cha’n ’eil mi ’labhairt mu chruadail ar n-armailtean air muir ’s air tìr. Theid mi eadhon seachad gun labhairt mu’r laghanna cothromach; ni mò a labhras mi air glòir agus maise na Saorsa aimsireil, agus coguise sin a choisinn ar sinnsirean duinn le fuil an cridhe.—Gabhaidh sinn seachad air na nithean so uile air an àm; agus cuiream ’n ar cuimhne gur sinn cuspairean àraidh caoimhneis freasdal an Tighearna air dòigh a’s àirde—a thaobh ar sochairean spioradail. Tha iad sin co mòr, ’s co prìseil ’s nach ’eil fios cia mar is urrainnear an cur an céill; agus tha ar mi-thaingealachd do Dhia air an son, agus an droch fhéum a tha sinn a’ deanamh dhiubh co mòr ’s gur h-ann de thròcairean an Tighearna nach ’eil sinn air ar sgrios—A thaobh ar sochairean spioradail is sinn da rìreadh Israel an Tiomnaidh-Nuaidh—a thaobh ar mi-thaingealachd air an son, tha sinn gu dearbh cosmhuil ri Israel an t-Seann-Tiomnaidh. Is fad o’n a dh’ éirich Grian an àigh air ar dùthaich le leigheas fo a sgéith. Is fada o’n a bha focal Dhé againn air a ghlanadh o gach moll—air a dhealachadh o gach amaideachd a chàirich daoine m’a thimchioll; is fada o’n a bha ’m focal so air a theagasg ’n ar measg ’na làn mhaise, agus am bitheantas le daoine fòghluimte, [TD 413] comasach agus diadhaidh. ’S moch a thilg ar dùthaich dh’i cuing eaglais na Ròimhe, agus thuige so theasraig Dia sinn o thuiteam air ar n-ais fo’n chuing cheudna. Bha amanna ann anns an d’ fhuiling muinntir Chriosd géur-leanmhuinn air sgàth an gràidh do Dhia; ach chaidh na h-amanna sin seachad. Tha comas aig gach aon aoradh a dheanamh fo’n riaghailt eaglais a’s taitniche leis fein, ’s cha’n ’eil neach a dh’fheudas a bhacadh.—Tha am Bìobull a nis air eadar-theangachadh do gach cànain a tha air an labhairt ’s an rioghachd; agus tha sgoilean air an suidheachadh anns gach cèarna, far am feud na h-uile duine aig am bheil an togradh comas fhaotainn air léughadh. “Ciod tuille a ghabhadh deanamh arson an fhìon-lios so?” Ciod nach d’ rinn Dia chum a chaoimhneas a dhearbhadh as ar leth? Ach c’àit am bheil an toradh an lorg gach saothair? Tha ar rioghachd Crìosdail a thaobh ainm agus sochairean; ach am bheil muinntir na rìoghachd ’nan Crìosduidhean?—Bu mhuladach, deuchainneach, eagalach, a’ cheisd so mur bhiodh gu bheil fios againn gu bheil aig Dia buidheann dhìleas, thaghta, ghràdhach ’s an tìr—tha aige fathasd beagan ainmean eadhon ann an Sàrdis nach do shalaich an eudach—cuid de’n aidmheil so agus cuid de’n aidmheil ud eile—cuid fo aon riaghailt agus cuid fo riaghailt eile. Nam biodh iad sin uile cruinn ann an aon àite, b’ aoibhneach—bu ghlòrmhor an sealladh e. Ged a tha iad sgapta feadh na rìoghachd—mòran diubh air nach ’eil an saoghal eòlach—cuid diubh fo dhìmeas an t-saoghail, gidheadh ’s léir do Dhia iad, agus tha iad prìseil leis. Air sgàth na muinntir so—air sgàth an ùrnuighean—air sgàth an Tì a ghràdhaich iad—a cheannaich iad le éiric ’fhola féin, agus a tha ’g eadar-ghuidhe as an leth aig deas-laimh Dhé ann an glòir, tha aobhar dòchais againn nach toir Dia sgrios air an tìr, agus gu’m bi tròcair air a deònachadh dhuinn. ’So fàth ar misnich—so an gealladh a tha againn ann an stéigh ar teagaisg. Ach ged tha muinntir an Tighearna lìonmhor, cia ainneamh, tearc iad ann an coimeas ris an àireamh mhòr a tha dì-chuimhneach air Dia—suarrach mu’n t-Slànuighear, gun suim mu’n bhàs no mu shìorruidheachd? Cia lìonmhor iad a tha ’nan as-creidich, amaideach, ain-diadhaidh ’n am barailibh—fuasgailte, peacach ’nan giùlan—seachnach air òrduighean an Tighearna—fuathach air a’ Bhìobull, air Sàbaidean, agus air aoradh—ag òl ain-diadhachd mar a dh’ òlas an damh an t-uisge—ri strògh, misg agus milleadh—ri toibheum, méirle agus foill; agus a’ buadhachadh o thoiseach gu deireadh na bliadhna ann am peacanna grànnda, salach, a tha ’nan tàmailt do nàdur dhaonna. Cha’n eil e comasach ann an aon searmoin, peacanna coitchionn na rìoghachd eadhon ainmeachadh: lìonmhoireachd agus gnè nam peacanna oillteil sin a tha ’g éiridh suas mar neòil dhorcha eadar sinn agus gnùis an Tighearna. An d’ thug thu riamh fainear ’an àm dlùthachadh air baile-mòr, ’n uair a thainig e ’s an t-sealladh, gu robh duibhre mhòr—nèul tiugh, dorcha, crochta os a’ cheann? B’e [TD 414] so co’-chruinneachadh gach deataich agus gach smùid a tha ’g éiridh o na h-uile tigh ’s a’ bhaile. Thug a’ h-uile tigh a’ chuid féin seachad a chum an t-iomlan dorcha dheanamh. Mar so tha peacanna na rìoghachd air an deanamh suas do pheacadh gach duine tha innte; agus O! cia uamhasach am meall dorcha, eagalach de’n t-seòrsa so ’tha dìreadh gu nèamh, agus a’ gairm breitheanasan an Tighearna nuas air ar cinn! ’S tric a chluinnear iomradh air fiachan mòra na rìoghachd; tha iad mòr, gidheadh feudar an cunntas; ach peacanna coitchionn na rìoghachd cò is urra beachd a ghabhail orra, no am meud agus an lìonmhoireachd a thuigsinn? ’S uamhasach am peacadh mòrt; ach am bheil paipeir-naigheachd a’s urra dhuinn fhosgladh anns nach ’eil iomradh againn air cuid dhiubh. Ged nach robh peacanna eile a’ gairm dìteadh o nèamh an aghaidh na rìoghachd ach misg, briseadh-Sàbaid, mionnachadh, agus a’ toirt ainm an Dé bheò ann an dìomhanas, bu cheart-bhreitheach do Dhia ar sgrios gu tur. Air son misg, nach ’eil am peacadh grannda sin mar phlàigh sgriosail a’ sgaoileadh thairis air an dùthaich, agus a’ tarruing truaighe, euslainte agus bàs ’na chois, air dhòigh nach feud e gun mhulad a dhùsgadh ’an cridhe gach aon a smuainicheas air. Ciod an t-àite anns nach ’eil na misgeirean r’am faotainn?—fir agus mnathan misgeach—fleasgaich agus maighdeanan òga; agus eadhoin a’ chlann bheag tha iad togarrach mu dheoch làidir. Theagamh nach d’ thainig atharrachadh co cianail riamh air an dùthaich air chor air bith co soilleir agus a thainig oirre anns a’ chàs so. ’S eagalach r’a smuaineachadh co gaolach ’s a tha mnathan agus nigheanan òga (ge nàr’ r’a inns’ e) air deoch làidir, bhuaireasaich. ’S cuimhne le cuid agaibh ’n uair a chuireadh e oillt air sgìreachd a chluinntinn gu’n robh deoch, no misg air boirionnach, agus a ghabhadh gruagach òg làn-gloine de phuinnsean co luath ’s a ghabhadh i gloine de spiorad làidir; ach cia ainneamh iad a nis a sheachnas e; agus nach ’eil a bhuil? Dh’ fhalbh am béusalachd—dh’ fhalbh an nàire! Nach uamhasach r’a smuaineachadh gu bheil fiach dà mhuillein deug (£12,000,000) punnd-Sasunnach air a chosg ’am Breatunn gach bliadhna ann an spiorad làidir!—barrachd mòr ’s a chòmhdaicheadh gach lòmnochd—a thogadh gach dìlleachdan—a bheathaicheadh gach ocrach—a theagaisgeadh gach aineolach, agus a shearmonaicheadh Crìosd anns gach cùil d’i.* Smuainich air gach focal oillteil, gach gniomh salach, gach uamhas agus olc a tha ’n cois an òil sin—a bhéisdealachd d’am bheil e ’toirt éiridh, agus cha’n fheud sinn gun a bhi fo eagal. Thainig misg agus òl gu bhi co cumanta—tha de ghràinealachd sgreamhail ’na cois, ’s gu bheil Dia féin air teachd a mach o ’ionad àrd ann an nèamh a chum an tìr a smachdachadh air a son. Tha’n galar a tha air an àm am measg dhaoine, mar pheanas àraidh an aghaidh a’ mhisgeir. Anns gach àite agus tìr a dh’fhiosraicheadh leis ’s iad na misgeirean a bhual e ’an tùs. O! mo * Tha a nis trì fichead muillein (£60,000,000) punnd Sasunnach ga chosd gach bliadhna ann an dibh làidir ’n ar rìoghachd.—1849. [TD 415] chàirdean, seachnaibh òl, agus ruidhteachas, agus misg—seachnaibh so air sgàth ur n-anamanna. Tha slighe na misg a’ treòrachadh gu bochdainn, truaighe agus masladh ’s an t-saoghal so, agus gu Ifrinn ’s an t-saoghal ri teachd. Maille ri misg, tha briseadh Sàbaid ’na pheacadh mòr, agus coitchionn ’s an rìoghachd. Air son aon duine ’tha cumail latha’n Tighearna naomha, tha mìle ’ga mhi-naomhachadh. ’S e latha na Sàbaid an t-aon latha de làithean na seachduine gu léir a’s mò tha air a thoirt seachad do ’n diabhol agus do dh’ oibribh an uilc—do dh’ òl, do strìopachas agus do dh’ ain-diadhachd. Cha do shoirbhich le duine, no le rìoghachd riamh a chuir ann an suarraicheas latha ’n Tighearna. Tha mallachd Dhé a’ dol an lorg a’ pheacaidh so air mhodh sònruichte. Còmhla ris gach peacadh eile ’tha coitchionn ’s an rìoghachd, nach ’eil mionnachadh agus toirt ainm an Tighearna Dia an dìomhanas? O! na tha dh’e so air feadh na tìre! Nach cluinnear clann bheag mu’n gann is urrainn doibh an eudach féin a chur orra, ciontach ’sa’ pheacadh mhòr so. O! na tha de chainnt ifrinnich ’s an tìr! “Air son mionnan tha am fearann a’ caoidh.” Tha e mar so sgrìobhta ann an leabhar Deud. xxviii. 58, 59. “Mar bi eagal an ainm ghlòrmhoir agus uamhasaich so ort, AN TIGHEARNA DO DHIA—an sin ni an Tighearna do phlàighean iongantach, agus plàighean do shliochd, eadhon plàighean mòra agus maireannach, agus eucailean cràiteach agus fadalach.” An e Dia na fìrinn a labhair so—agus an ìoghnadh leinn ged robh plàighean agus eucailean cràiteach air an àm so air an taomadh a nuas air Breatunn? ach ’s diomhain domh smuaineachadh air uile pheacanna na dùthcha ainmeachadh. Ged nach robh tuille againn ri freagairt air a shon, nach leòir na dh’ainmicheadh, gun labhairt air an neo-shuim mhuladach a tha ’measg lìonmhorachd an t-sluaigh mu thimchioll nithe spioradail—an tarcuis eagalach a tha àrd agus iosal a’ taisbeanadh mu mheadhona gràis—an dearmad a tha daoine ’tha fo ainm Chriosduidhean a’ deanamh mu ùrnuighean dìomhair agus teaghlaich—cho tearc an àireamh a tha idir a’ gairm air Dia; mar gu’m biodh an cleachdadh beannaichte air dol á fasan. Eadhon ann an Ard-thigh-comhairle na rìoghachd, nach d’ fhuaras deichnear air a’ bhliadhna so féin a dhiùlt aontachadh leis an iomlan, gu robh freasdal an Tighearn’ a’ faire thairis air an t-saoghal!—Agus cò iad so? Tha iodhalan an t-sluaigh! “Na h-innsibh e ann an Gat, na cuiribh an céill e ann an sràidibh Asceloin.” “’Nan dìomhaireachd na tigeadh m’ anam-sa—r’an coi’thional na bitheadh m’ onoir-sa air a h-aonadh.” Maille ri so uile, tha cealgaireachd ro chumanta am measg luchd-aidmheil, a tha gu tric, fo shamhladh aoraidh, a’ tairgse cridhe grod, salach, puinnsionta ’tha air a chleith o dhaoine, fo theangaidh mhilis, bhlasda, agus fo chainnt chràbhaich, chiùin. O! gu’n deanadh Dia tròcair oirnn! ’S ann againn a tha fàth an eagail. So mo chàirdean aobhair ar n-eagail; so cion-fàth gach breith- [TD 416] eanais—peacanna na rìoghachd. So na nithe ’tha brosnachadh ar Tighearna Dia a nis a chum éiridh, agus a chum plàigh ùr a chur ’n ar measg. Mar bhiodh gu bheil foighidinn an Tighearna mòr, ’s fada o’n a bha sinn air ar sgrios! Agus a nis o’n tha a làmh air a togail, “Cò aig am bheil fios am pill Dia, no an gabh e aithreachas, no an pill e o ’dhian-chorruich, air chor ’s nach bàsaich sinn?” Ionah, iii. 9. An e nach ’eil aobhar againn a bhi fo eagal, gun fhios againn nach abair e, “Cha bhi mo Spiorad a’ strì riu ni’s faide—tha iad air an dlùth-cheangal ri iodhalaibh, leig leò; ’n uair a sgaoileas iad an làmhan, folaichidh mise m’ aghaidh uapa—’n uair a ni iad ùrnuighean cha’n éisd mi.” ’S ann mar so a dh’éirich do rìoghachdan mòra, uaibhreach eile ’bha air an stéigheachadh ’nam barailibh féin co daingeann ri bunait nam beannta sìorruidh; ach pheacaich iad gu tròm an aghaidh Dhé, agus dh’ fhuadaicheadh air falbh iad mar cheò nam beann—cha n ’eil air mhaireann ach an ainmeannan.—’N uair a bha tomhas an aingidheachd làn chaidh iad seachad—sgapadh iad mar a sgapar cobhar na h-aimhne air druim a’ chuain! Ciod a’ chinnte, no an tèaruinteachd a th’ againn nach éirich an nì céudna dhuinne, agus sin gun dàil? Ciod a b’ urra dhuinn a ràdh nan cuireadh Dia a’ cheist sin ruinn air an àm, a tha againn ann an Ieremiadh v. 9. “Air a’ leithid so de chinneach nach dean m’ anam dioghaltas?” arsa Dia. Ach ged a tha aobhar againn a bhi fo imcheist, fo chùram agus fo nàire, cha’n ’eil—taing do Dhia—aobhar againn a bhi fo eu-dòchas, no tuiteam gu dìth céille. Tha’n Tighearn ar Dia ’na Dhia tròcaireach—tha guth a’ teachd oirnn o’n ionad Naomh ag ràdh, Hos. xi. 8, 9. “Cionnus a bheir mi thairis thu O Ephraim! cionnus a bheir mi seachad thu O Israeil!—tha mo chridhe ’n taobh a stigh dhiom air tionndadh; tha m’ aithreachas air lasadh le chéile. Cha chuir mi’n gnìomh mo dhian-chorruich, cha phill mi a mhilleadh Ephraim; oir is Dia mise agus cha duine.” III. Ciod an dòigh a’s fearr do shluagh, no do rìoghachd a ghabhail a chum saorsa agus fuasgladh fhaotuinn o bhreitheanasaibh an Tighearna. Ann an stéigh mo theagaisg tha e air a ràdh, “ma chuireas mi pláigh am measg mo shluaigh; ma dh’ irioslaicheas mo shluagh air an goirear m’ ainm iad féin, agus gu’n dean iad ùrnuigh, agus gu’n iarr iad mo ghnùis, agus gu’m pill iad o’n droch shlighibh, an sin cluinnidh mise o na nèamhaibh, agus maithidh mi am peacadh, agus leighisidh mi am fearann.” Anns na briathra sin tha Dia aig innse’ dhuinn an dòigh a’s freagarraiche dhuinn a ghabhail. Creidimh—aithreachas—ath-leasachadh-beatha, agus ùrnuigh dhùrachdach. Tha sinn ri a ghnùis iarraidh—’se sin a chàirdeas caillte a shireadh—agus cionnus, no ciamar is urrainnear sin a dheanamh ach tré chreidibh fìor, làidir, seasmhach ’na Mhac féin an Tighearna Iosa, Slànuighear iochdmhor an t-saoghail. So a’ cheud chéum, an t-aon chéum, agus as eugmhais a chéim so a ghabhail ’s dìomhain gluas- [TD 417] ad aon chéum eile. ’Se so bunachar a’ ghnothaich—as eugmhais so cha’n urrainn aithreachas a bhith—no ath-leasachadh-beatha, no ùrnuigh—no nì air bith a bhios taitneach le Dia. Sibhse ’tha eòlach air Criosd, agus d’am bheil Criosd luachmhor—a dh’ earb ur n-anama ris, agus a tha sealbhachadh tre chreidimh annsan solus dealrach gnùis’ an Tighearna, agus sìth agus réite shòlasach, O! bithibh dìleas da—dlùthaichibh ni’s mò agus ni’s mò ris—ath-ùraichibh ur n-earbsa ann, agus guidhibh air an Spiorad Naomh’ ur creidimh ann a neartachadh, agus ur gràdh dha a mheudachadh; agus ma tha iad a làthair a tha fathasd an taobh a mach de Chriosd agus an lorg so an taobh a mach do Dhia, thugadh iad so fainear gu bheil iad ’an àireamh na muinntir a tha ’tarruing a nuas corruich an Tighearna air an dùthaich. ’S iad naimhdean Chriosd naimhdean na rìoghachd. ’Se naimhdeas na feadhnach so ’tha dùsgadh corruich Dhé, agus nam b’ àill leò an guth a tha nis a’ labhairt riù o néamh ann am breitheanas agus ann an tinneas, éisdeachd, ’si so a’ chainnt. “Pillibh, pillibh—tha ur peacanna air éiridh gu nèamh—shaltair sibh fo’r cosan fuil mo Mhic—chuir sibh cùl ris—dhiùlt sibh e; ach feuch! aon uair eile tha e fathasd ’nur tairgse—an diugh an t-àm taitneach—an diugh latha nan gràs. Togaibh ur sùilean O! dhaoine dalla—faicibh Uan Dhé a tha toirt air falbh peacanna an t-saoghail; creidibh ann, agus strìochdaibh dha, agus tha sibh tèaruinte—cuiribh cùl ris agus thig a’ phlàigh—plàigh a’s miosa na ’phlàigh a tha nis a mach—plàigh a mhilleas ur cuirp, agus a thairngeas sgrios sìorruidh air ur n-anama. An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a bheatha mhaireannach aige, ach an tì nach creid, tha fearg Dhé a’ gabhail còmhnuidh air.” ’Se creidimh tabhartas saor Dhé—iarraibh e agus gheibh sibh e—cuiribh an suarraicheas e, agus ’s e ionad na truaighe ’ur n-àite-còmhnuidh gu sìorruidh. A rìs, maille ri creidimh tha sinn air ar gairm air an latha ’n diugh gu aithreachas, agus gu bròn air son ar peacanna. ’Bheil cuimhn’ agaibh ’n uair a chuireadh Ionah gu Ninebheh a thoirt rabhadh air an sgrios a bha ri teachd air a’ bhaile mhòr sin—ghlaodh e agus thubhairt e, “Fathasd dà fhichead là agus sgriosar Ninebheh,” Ciod a thachair? Chreid muinntir Ninebheh ann an Dia—dh’ éigh iad traisg—o’n rìgh air a’ chathair gus an t-aon a b’ isle de’n t-sluagh, ghlaodh iad gu tréun ri Dia—rinn iad aithreachas—phill gach aon o dhroch shlìghean, agus bhuin Dia riù ann an tròcair—theasraig e iad o’n sgrios a bha teachd orra. O! nan cuireadh Dia a mach spiorad an aithreachais ’n ar measg-ne, nan lùbadh e cridheachan an rìgh—a chùirteirean àrda, flaithean, maithean, agus sluagh na dùthcha gu léir a chum aithreachais, bhiodh fàth-misnich agus dòchais againn. ’Se aithreachas dleasnas lathail a’ chrìosduidh, ach air a leithid so a dh’ àm buinidh e do gach aon a chridhe féin a rannsachadh gu géur.—A nis ’n uair a tha Dia a’ gairm gu gul agus gu caoidh, deanadh gach aon aithreachas air son a pheacanna—aithreachas neo-chealgach mar ann am fianuis an Dé sin nach feudar a mhealladh. [TD 418] Cha’n ’eil mise ’g ràdh gu bheil toillteannas no luach ann an aithreachas a cheannaicheas, no choisneas beannachd air bith o Dhia: cha ’n ’eil aithreachas ’na éiric a choisneas maitheanas peacaidh—ach ann an tròcair Dhé, tre thoillteannas agus obair choimhlionta an t-Slànuighir, gheall e saoradh o bhreitheanasaihb, agus o eucailibh cràiteach do’n droing, no do’n rìoghachd a ni aithreachas. Tha e air a labhairt le Ioel, ii. 12, 14. “Tha an Tighearna ag ràdh, Pillibh do m’ ionnsuidh-sa le’r n-uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh; agus réubaibh ur cridhe agus ni h-e ur n-eudach; agus pillibh ris an Tighearna ur Dia: oir tha e tròcaireach agus iochdmhor, mall a chum feirge, agus làn de chaomhalachd, agus gabhaidh e aithreachas mu’n olc. Cò aig am bheil fios nach pill e?” ’Se an Dia a labhair na briathran so an tùs, a tha fathasd a’ riaghladh thairis air an t-saoghal. Gheall e agus cha mheall e—deanaibh uime sin aithreachas, agus cò aig am bheil fios nach pill e? A rithis, ’se dearbhadh an aithreachais ath-leasachadh-beatha: as eugmhais so cha’n ’eil ann an aithreachas, no ann an latha-traisg ach cealgaireachd agus fanoid air Dia.—Fiosraicheadh gach aon ciod e a pheacadh àraidh féin, agus rùnaicheadh e ann an neart an Spioraid Naoimh a tha r’a fhaotuinn, cul a chur ris. Tha sinn (a h-uile aon dhinn) ciontach de iomadh peacadh, ach am bicheantas tha peacadh àraidh éiginn ann leis an usadh làmh-an-uachdar fhaotainn oirnn—the sùil dheas r’a spìonadh a mach; leannan-peacaidh a dh’ aon seòrsa, no seòrs’ eile: agus nam bu mhiann leinn aithreachas neo-chealgach a dheanamh, so far an éiginn duinn tòiseachadh; so far an imir sinn spàirn chruaidh a dheanamh, agus mar e so ar miann cha’n ’eil ach amaideachd agus faoineis dhuinn cainnt agus coslas an aithreachais a ghabhail. Thusa matà ’tha ’co’-aontachadh anns na chual’ thu ’n so an diugh, agus a tha ann ad’ chridhe ag ràdh, “Deanadh càch mar is àill leò, ach air mo shon-sa le còmhnadh an Tighearna, tréigidh mi an t-olc.” Bi seasmhach, bi duineil, bi daingeann; iarr dìomhaireachd do sheòmair féin air an fheasgar so—faigh a mach do pheacadh, agus rùnaich gu toileach, neo-chealgach a thréigsinn; agus a chum so, air do ghlùinean lùbta agus ann am fianuis do Chruithfhir, aidich e; agus guidh gu tréun air sgàth an Tì sin air deas-làimh an Athar—guidh air son neart spioradail a ni comasach thu air do rùnta maith a sheasamh, agus an fheòil a chéusadh maille r’a h-ann-tograidhean agus a h-ana-mianna. Agus ma tha aona pheacadh seach peacadh eile a tha dligheach do dhaoine ’thréigsinn gu tur, gu buileach, agus gu grad air an àm so, ’se am peacadh sin a Mhisg.—Tha breitheanas Dhé a mach na aghaidh!—Tha’n Tighearna air éiridh suas anns na nèamhan àrda chum misgeirean a dhùsgadh, agus an cur gu eagal. Anns gach àite anns am bheil an galar marbhtach so a teachd, ’s iad na misgeirean a’m bicheantas a cheud fheadhain a bhuaileas e. Ma tha aon de’n t-seòrsa so ann a m’ éisdeachd, guidheam air a bhi ’na earalas. Tha maor [TD 419] sgaiteach, siùbhlach air a thòir, agus le barantas-bàis a’ lorgachadh a chéumanna.—Ma ghreimicheas e air, cò a theasraigeas e? Co air bith a dh’ fhalbhas ’s an easlainte so, cha ’n eil tèaruinteachd idir aig a’ mhisgeir. Ann am prioba na sùl’ tha ’anam lom, rùisgte ’am fianuis an Dé sin a thubhairt, “Cha sealbhaich luchd-misg rìoghachd nèimh mar oighreachd.” ’Se am meadhon mu dheireadh a dh’ ainmicheas mi a tha sinn air ar gairm a chum a chleachdadh, Urnuigh—ùrnuigh a’ chridhe—ùrnuigh a’ chreidimh. So meadhon a tha gu h-àraidh air ainmeachadh ann an stéigh mo theagaisg. Tha geallaidhean mòra fuaighte ri ùrnuighean muinntir an Tighearn’ anns gach earrainn de’n Sgriobtur. “Ma ni mo shluagh-sa (arsa Dia) ùrnuigh, éisdidh mi o nèamh agus slànuichidh mi an tìr.” Ma tha buaidh ann an ùrnuigh aon fhìrein, an e nach bi buaidh ann an ùrnuigh sluaigh mhòir, a’ dol le aon ghuth aig an aon àm gu cathair nan gràs as leith an dùthcha? Peacach mar a tha an rìoghachd, tha fhathasd buidheann thaghta, dhìleas, ghràdhach aig Dia innte, agus tha dòchas agam gu’m bheil iad so mar aon duine air an àm so a’ buadhachadh ann an ùrnuigh. Cha ’n ’eil mise ’g ràdh gu’m fuadaich Dia air falbh an galar marbhtach a tha ’n ar measg air ball an lorg ùrnuighean a’ phobuill. Maith a dh’ fhaoidte gu faic esan iomchuidh an tìr a smachdachadh gu tròm agus gu fada: ach tha ’iarrtas féin againn gu ùrnuigh a dheanamh—’àithne agus a ghealladh gu’m freagair e ’na àm agus na dhòigh féin, ùrnuighean dìleas, dùrachdach a luchd-muinntir. Cia tric a bhuadhaich Maois le ùrnuigh ann an sgrios a thionndadh air falbh o shluagh Israeil? ’S cuimhne leibh Daibhidh, Iehosaphat agus Iosiah. Léughaibh eachdraidh Esra, Nehemiah agus Dhanieil. Cia mòr am beannachadh a fhuair iad sin dhoibh féin agus d’an dùthaich le’n ùrnuighean dùrachdach; agus dh’ fheudamaid o eachdraidh ar dùthcha féin iomadh cunntas taitneach a thoirt dhuibh air a’ bheannachadh mhòr a thainig an lorg ùrnuighean chreideach. Ge dubh, dòrcha an nèul a tha air an àm an crochadh thairis oirnn, gheibh ùrnuighean dùrachdach deisciobuil Chriosd suas troimhe, agus fosglaidh iad slighe troi ’n dealraich Grian an àigh air ar tìr. Nam biodh deichnear dhaoine fìreanach ann an Sodom, bhuadhaicheadh ùrnuigh Abrahaim as an leith. So far am bheil fàth ar misnich, so far am bheil aobhar ar dòchais. Tha, buidheachas d’a ainm! luchd ùrnuigh fhathasd aig Dia ’n ar measg. Ge suarrach, ìosal cuid diubh ann am beachd an t-saoghail, ’s léir do Dhia iad agus tha iad prìseil leis—cheannaicheadh le fuil an Uain iad, agus tha a Spiorad a’ gabhail a naomh-chòmhnuidh annta. ’S iad sin salann, agus solus, agus neart, agus tèaruinteachd na rìoghachd. O! gu ’m meudaicheadh an Tighearna an àireamh! O! gu’m beothaicheadh an Spiorad iad gu barrachd agus barrachd dùrachd! COMH-DHUINEAMAID. Dh’ fheuch mi a leigeil ris duibh co uaithe, agus c’arson a tha eucailean cràiteach ris an abair sinn [TD 420] Plàigh a’ teachd air dùthaich. Dh’ fheuch mi na meadhona sin a chàramh mu’r coinneamh a tha air iarraidh oirnn ann am focal Dhé a chleachdadh a chum fuasgladh fhaotainn uapa. A mhuinntir ionmhuinn, guidheam oirbh thugaibh aire do na nithe so. Cha tuairisgeul faoin air an robh ar cainnt. ’S ann air nithe cudthromach a bha sinn a’ tighinn thairis. Mo thruaighe dhòmhsa agus dhuibhse mar gabh sinn suim dhiubh! A dhaoine gòrach! a rinn thuige so dearmad air na nithe a’s cudthromaiche; sibhse bha seachnach air Dia—gun suim do ’n t-Slànuighear—suarrach, aineolach mu Spiorad nan gràs—beò gun iomaguin, gun eagal, mar gu’m biodh aonta agaibh air ioma bliadhna air thalamh—mar nach biodh bàs, no sìorruidheachd idir a’ feitheamh oirbhse. O! guidheam oirbh, bithibh ’n ur faireachadh a nis—dùisgibh as ur suain chailltich agus gairmibh air Dia! Feòraicheam, an do smuaintich sibh riamh air cor truagh an duine gun mhothachadh air an do ghreimich an galar so ’am meadhon a ghòraiche—ann an oidhche an t-sùgraidh, gun smuainte mu bhàs—gun uamhas mu chorruich an Tighearna? Faic e aig éiridh ’s a mhaduinn gun eagal, gun ùrnuigh—a’ dol a mach gun e féin earbsa ri Dia—a’ cur seachad an latha mar is gnàth leis—a’ tighinn dachaidh ’s an anamoch mar a dh’ fhalbh e ’s a’ mhaduinn, gun tùr, gun mhothachadh—a’ dol a luidhe maith a dh’ fhaoidte air mhisg, agus a’ tuiteam ’na shuain mar ainmhidh na machrach, gun iomradh, gun ghuidhe air Dia. Tha aisling na h-oidhche ’fàs bruailleanach—tha’n tròm-lighe a’ tòiseachadh—tha e ’dùsgadh fo bhuaireas mòr—tha dòruinn nach d’ aithnich e riamh a’ teachd air—tha ’lùs a’ falbh—thàinig an lighiche, ach tha e tuille ’s anamoch; oir tha spàirn chruaidh agus iodhannan oillteil air tòiseachadh agus a ruith o mhullach a chinn gu bonn a choise—tha ’m fallus fuar a’ braonadh troimh gach pòr—tha’n craicionn a’ fàs gorm—an t-sùil a’ tionndadh ’na lag—an guth fann, fuar, mar oiteag an t-sneachda teachd a nìos o’n chorp mharbh—agus ’an ùine ghearr tha ’n deò air a thilgeadh—tha ’n t-anam a’ gabhail a thuruis—tha ’n leine-mhairbh gu grad air a cur mu’n chorp—tha e air a ghiùlan do chladh ùr; agus, maith-dh’ fhaoidte air mheadhon oidhche, tha e air a chàradh gu cabhagach ’s an ùir. Ach c’àite ’bheil an t-anam? Ann am fianuis Dhé. Tha guth ni’s àirde na fuaim an tàirneanaich ag ràdh ris, “Imich uam, cha b’ eòl domh riamh thu!” Na bithibh air ur mealladh. Cha’n fhaic an duin’ aingidh gnùis an Tighearna. Agus a nis, aon fhocal ruibhse a chàirdean an Tighearna. Dùsgibh-se mar an céudna agus agus bithibh ’n ur faireachadh. Bithibh fo eagal. Cha ghealtachd do dhuin eagal a bhi air roimh chorruich an Tighearna. Bu mhisneachail righ Daibhidh; ach an uair a mhothaich e do làimh an Tighearna air a togail ’na aghaidh, ghlaodh e ’mach, “Tha m’ fheòil a criothnachadh le oillt—tha eagal orm roimh bhreitheanasan Dhé.” Bithibh-se deas—deanaibh faire agus ùrnuigh; oir cha’n ’eil fios agaibh ciod an t-àm a [TD 421] latha, no dh’ oidhche anns an tig Mac an duine. Bithibh-se dìleas do Dhia, seasmhach, neo-ghluasadach, do ghna a’ buannachadh ann an obair an Tighearna. Thugaibh cliù do’n Athair naomh a bhuin thuige so co gràsmhor, foighidneach ris an dùthaich, agus nach do leig leinn làn-tomhas a chorruiche fhulang. Deanaibh gàirdeachas ann an Dia; ach gu ma h-ann le eagal agus fiamh naomh. Cha ’n ’eil fios ciod a tha ri tachairt. Na h-earbadh duin’ air bith ’na òige, ’na neart, ’na stuamachd, no ’na fhaicill féin. Ràinig an galar tighean nan uaislean, agus thuit an aitim a bu chùramaiche, a bu stuama, a bu mhothachala, fodha: agus tha cuid de’n t-seòrsa so air a’ cheart àm so ann an cruaidh-spàirn a’ bhàis! Chuala sinn o chionn latha no dhà iomradh air duine measail, diadhaidh, a dhùisgeadh gu moch le fuaim a’ chluig a bha ’gairm dhaoine chum an obair shaoghalta—a chaidh a mach gu slàn, fallain, agus ’nuair a bha ’n clag céudna ’toirt sanais gu’n robh meadhon na h oidhche air teachd, bha a theaghlach a’ giùlan a chuirp do’n uaigh!! Deanaibh faire—deanaibh ùrnuigh—iarraibh gnùis an Tighearna—pillibh o’r droch shlighibh, agus an sin cluinnidh Dia o na nèamhan agus maithidh e ur peacanna agas leighisidh e am fearann. Aon fhocal, agus an sin crìochnachaidh sinn. Ma tha neach air bith ’s an làthair a tha ’g ràdh, “Cha ’n ’eil plàigh ’s an dùthaich; cha’n ’eil fàth eagail ann; itheamaid agus òlamaid agus bitheamaid subhach mar a bha sinn riamh.” Cha teid mise ’chonnsachadh ris; ach deiream so le ùghdarras o Dhia, Tha plàigh ni’s miosa na ’phlàigh air an robh mi a’ labhairt, a mach. Ge sgriosail a’ phlàigh air an robh mi ’labhairt, agus ge lìonmhor an àireamh a chuir i gu bàs, cha’n ’eil e ’na comas a’ cholunn a mhilleadh, ’sa mharbhadh. Béud cha’n ’eil ’na comas a dheanamh air anam an duine mhaith; ach tha plàigh a’ pheacaidh a mach—plàigh a mhilleas a’ cholunn agus an t-anam le chéile—a tha toirt bàis aimsireil agus sìorruidh ’na cois, agus a tha ’fuadach mìle agus mìle de mhìltean o bhliadhan gu bliadhna dh’ ionnsuidh na truaighe. Agus ma tha uamhas agus iongantas oirnn gu’n diùltadh daoine bochda an tùs a’ ghalair mharbhtaich so, còmhnadh agus teòmachd agus cùram lighiche saoghalta ’tha togarach dèuchainn a thoirt air an leigheas, agus a bheatha féin a chur an cunnart air an son; O! cia mar a chuirear an céill amaideachd agus gòraiche agus dì-tuigse na muinntir air a’ bheil galar a’ peacaidh—a tha ’bàsachadh fodha—’sa tha deanamh tàir air lighich’ an anamanna. Esan a bhàsaich air an son—esan a tha a mhàin comasach air an tèarnadh—esan a tha ga thairgse féin doibh gu saor agus gun duais—esan a tha deònach, comasach air an slànachadh, agus beatha shuthainn, ghlòrmhor a bhuileachadh orra maille ris féin air deas-làimh an Tia a’s àirde! Deanaibh aithreachas, no sgriosar gu h-uile sibh. Dia nan gràs a bheannachadh a chum ’ur maith na chuala sibh; agus dhàsan gu’n robh glòir tre Chriosd gu sìorruidh. Amen. [TD 422] II. CAMP ISRAEIL ANNS AN FHASACH.—AIREAMH, CAIB. II. III. [Dealbh] An EAR. A’ Cheud Roinn, 186,400 fear. Iudah, 74,600. Issachar, 54,400. Sabulon. 57,400. Maois. Aaron. Na Sagartan. An DEAS. An Dara Roinn, 151,450 fear. Reuben, 46,500, Simeon, 59,300. Gad, 45,650. Mic Chohat, 2,750. An IAR. An Treasa Roinn, 108,100 fear. Ephraim, 40,500. Manasseh, 32,200. Beniamin, 35,400. Gersonaich, 2,650. An TUATH. A’ Cheathramh Roinn, 157,600 fear. Dan, 62,700. Aser, 41,500. Naphtali, 53,400. Mic Mherari. 3,200. AM PAILLIUN. CHA ruig sinn leas a ràdh gu’m bheil gach aon nì a bhuineas do’n turas ro iongantach sin air an do threòraicheadh sluagh Dhé o shean bho fhearann na Daorsa gu tìr a’ gheallaidh, agus na fois’, taitneach do gach intinn thuigsich agus chràbhaidh. Tha gach duine ’tha déigheil air eòlas fhaghuinn mu thoil, agus mu dhòighean Iehòbhah a’ dlùth-bheachdachadh air ’uile bhuntainneis ris an t-sluagh sin a chuir e air leth o shlòigh an t-saoghail gu léir gu e féin a bhi air mhodh sònruichte ’na Rìgh os an ceann, agus do’n tug e seòlaidhean co ro mhion a thaobh an gnothaichean aimsireil, agus spioradail. Tha gach uile nì a rinn e ris an t-sluagh sin sgrìobhta arson ar n’ eisimpleir-ne chum ’s gu ’n tarruingeamaid gliocas uaithe. Tha sinn ’an dòchas gu’m b ’i an cunntas a tha sinn ’an so a’ toirt seachad air an òrdugh ’s an do champaich, agus ’an d’ imich feachd mòr Israel ’n uair a bha iad ’s an fhàsach taitneach do’r luchd-léughaidh agus a chum buannachd dhoibh. Tha fios aguinn gu’m bheil iomad aon a tha ’léughadh a’ Bhìobuill am barail gun [TD 423] robh clann Israeil air an turus o’n Eiphit gu Canàan a’ dol air an aghaidh gun mhòr òrdugh, no righailt, ach ’nan aon sgaoth mhòir a’ gabhail an rathaid, no a’ stad mar a bu fhreagaraiche do gach aon fa leth. Ach n’ am b’ ann mar so a bhiodh a’ chùis cha rachadh iad ach beag astair ’n uair a bhiodh iad air an amladh ’an luib a chéile air dhòigh ’s nach b’ urra dhoibh dol air an aghaidh, no air an ais; agus bhiodh gach lag agus aosda air an saltairt fo chosan na muinntir làidir, agus chalma. Cha nì furasda feachd ’s am bheil cunntas mhìltean shaighdearan, ged a tha iad làn ionnsaichte, a thoirt astar fada gun iad a chur bacadh air a chéile, agus gun chuid diùbh a chall—nì air am bheil fios aig gach aon a bha riamh anns an arm, no a chunnaic a bheag de’n imeachd. Ach ciod e sluagh co lìonmhor ’s a bha’n so a sdiùradh car nan ceudan mìle ann am fàsach gun rathad, gun slighe, agus sin car mòran bhliadhnachan? Bha còrr ’us sea ceud mìle fear-cogaidh ann, agus a’ cunntas nan seann daoine, nam mnathan, agus na cloinne, a bu dùth a bhi ’n ceangal riutha so a réir ’s mar a chì sinn ’am measg fhineachan eile, bhiodh mu dhà mhuillean sluaigh ann gu léir—dìreach tuaiream air na bheil de luchd-aiteachaidh ’an Albuinn uile. Gu cinnteach dh’ fheumadh ceann, ’us rian a bhi aig ’an duine a ghabhadh os làimh iad sin uile a threòrachadh ’nan aona chuideachd gu dùthaich fad as. Bha Maois gun teagamh na dhuine fiosrach, fòghlumta, foghainteach; ach cha’n fhoghnadh a ghliocas, no ’cheannsgal-san air son na cùise ’bha’n so. Cha ’n fhòghnadh; ach bha na bu mhò na Maois air ceann an t-sluaigh so, agus dh’ fhéumadh iad gu’m biodh “na h-uile nithean air an deanamh gu deadh-mhaiseach agus a réir òrduigh”—bha esan na cheann-feadhna orra, agus a ghnàth ’nam measg, agus le ’ghliocas neo-mearachdach-san bha gach riaghailt, ’s gach seòladh mu’n imeachd us mu’n tuineachas air an deachdadh, ’s air an socrachadh. Chì sinn o na ceud chaibdeil ann an Leabhar nan Aireamh—gu h-àraidh o’n dara caibdeal ciod an t-òrdugh anns an robh iad a’ campachadh, no ’gabhail mu thàmh, agus dh’ fheuch sinn leis an t-seòrsa dhealbh a chur sinn a sios air so a dheanamh soilleir do’r luchd-léughaidh. Bha’n càmp ceithir chearnach, no ceithir-oisneach agus air gach taobh bha trì trèubhan; ’s mar so le trì trèubhan air gach taobh de na ceithir taobhan tha ’n dà thrèubh-dheug aguinn. Air an taobh an Ear bha trèubhan Iudah, Issachar, agus Shabuloin uile fo’n aon bhrataich—bratach Iudah—a’ deanamh a suas eatorra, naoi fichead agus sea mìle agus ceithir cheud fear cogaidh (186,000). Air an taobh Dheas bha trèubhan Reuben, Shimeon, agus Ghad, fo bhrataich Reuben, agus ceud gun leth agus aon mhìle, agus ceithir cheud gun leth fear ann an àireamh (151,450). Fa dheireadh air an taobh Tuath bha trì trèubhan—Dan, Aser, agus Naphtali fo bhrataich Dhan, ceud gun leth ’s a seachd mìle, agus sea ceud ann an àireamh (157,600). Bha astar mòr ’s an teis-meadhoin eadar na slòigh so; agus ’am fìor chridhe an ionaid mheadhoin so bha pàilliun naomh na Fianuis air a shuidheachadh. [TD 424] ’An taobh an ear dheth so bha Maois—bha Aaron, agus na Sagartan—’s iad sin iadsan a bha ’frithealadh anns an ionad naomh, no ’s a’ phàilliun. Air na trì taobhan eile bha clann Mheràri, Gherson, agus Chòhat, buidhnean de thrèubh Lébhi a bha ’frithealadh mu nithean naomh, ach nach robh ann an dreuchd na Sagartachd. Mar so bha iad air an suidheachadh gu riaghailteach, ’s gu h-òrdughail; agus gun teagamh bu shealladh mòr agus òirdheirc an sealladh a bha ri fhaicinn ’n uair a bha “mìltean Israeil” mar so a’ gabhail tàimh fo sdiùradh, agus fo sgàile an Uile-chumhachdaich. B’e ’n sealladh so a thug air Balàam, a dh aindeoin a shannt, agus a naimhdeis an aghaidh an t-sluaigh briseadh a mach ann an ioghnadh ’s am moladh ’n uair a choimhead e orra “bhàrr mullach nan creag, agus o na sléibhtean.” “Cia àluinn do bhùthan O Iacoib! do phàilliuna O Israeil! Mar na gleanntan tha iad sìnte mach, mar liosan ri taobh aimhne, mar chraobhan fiodh-alois a shuidhich an Tighearna, mar chraobhan séudair laimh ris na h-uisgeachan.”—Air. xxiv. 5, 6. Ach faiceamaid a nis ciamar a ghluais iad ’n uair a bha iad a’ dol air an astar. B’e “Nèul na Fianuis” an réull-iùil, agus an Treòraiche aig gach àm. ’Nuair a dh éirich an Nèul bhàrr na pàilliun bha Trompaid ga séideadh le mic Aàroin, agus aig a’ cheud chaismeachd bha bratach Iudah ga togail, ’s ga sgaoileadh; agus bha na trì trèubhan a bha fo n bhrataich so a’ grad imeachd (no mèarsadh); ach bha brataichean dhoibh féin aig gach trèubh, aig gach tigh, ’s aig gach dream f’a leth a bha air an togail le’n cinn-chinnidh, ’s an cinn-thighe féin, ged a bha iad uile a’ leantuinn brataich mhòir Iudah. Aig an àm cheudna bha ’m pàilliun air a thoirt as a chéile, agus bha na Gersonaich, ’s na Meràrich a’ cur nam bòrd ’s na nithean a bu truma dheth ann an carbaid (waggons), ’s ga’n leantuinn gu cùram a ghabhail dhiubh. ’N uair a bha iad so air tarruing bha’n Trompaid a’ toirt an dara caismeachd agus bha bratach Reuben ga togail. Bha na tri trèubhan a bha foipe-se ag imeachd—gach sloinne ’us seòrsa mar a thubhairt sinn cheana le’n suaicheanteis, ’s le’n ceannaird féin; agus ’nan déigh so bha clann Chòhat a’ giùlan nan nithean naomha a bhuineadh do’n phàilliun. Bha ’n Trompaid a’ séideadh a rìs, agus bha na trì trèubhan a bha fo bhrataich Ephraim a’ gluasad; agus an uair a bha iadsan air dol ’an tarruing, bha fa dheireadh bratach Dhan ga sgaoileadh, agus na trì trèubhan a bhuineadh dh’ ise ag imeachd. Anns an òrdugh so bha clann Israeil a’ dol air an aghaidh gus an robh an Nèul a stad, agus an sin bha iad-san a’ stad, agus a’ campachadh a réir an òrduigh a dh’ ainmich sinn—Iudah ris an Ear, Ephraim ris an Iar, agus am pàilliun a ghnàth ’s an teis-meadhoin. Bha iad mar so air an sdiùradh, ’s air an treòrachadh le Dia féin; agus bha Maois mar fhear-ionaid dhà-san a’ sealltuinn a ghnàth gu’n robh gach nì a dol air aghaidh a réir ’aithne Dhé, agus a’ seinn an uair a bha ’n camp gu gluasad, “Eirich a Thighearna agus biodh do naimhdean air an sgapadh,” agus an [TD 425] uair a bha iad a stad, “Pill a Thighearna gus na mìltibh de Israel.”—Air. x. 35. Gu cinnteach ’s maith a dh’ fheudadh Balàam éigheach mar a rinn e thaobh bùthan Iacoib, agus slòigh Israeil. Bu ghlòrmhor, agus bu ghreadhnach an sealladh a bha r’a fhaicinn, aon chuid an uair a bha iad aig tàmh, no ’nuair a bha ’m feachd mòr so ag imeachd fo cheannsal Iehòbhah féin. Is iomad armailt lìonmhor, bhuadhmhor, agus mhòrchuiseach air am bheil cunntas aguinn ann an eachdraidh an t-saòghail: ach cha’n aithne dhuinn a h-aon a’s urrainnear a choimeas ri armailt Israeil. Bha an sluagh ro mhòr. Bha iad uile ’gluasad gu sìoth-chail, òrdughail, riaghailteach—gach aon ’na àite féin, agus gun neach a’ cur dragh, no ’deanamh éucoir air a choimhearsnaich. Agus a rithis faiceamaid ciamar a bha iad air an gleidheil a suas—ciamar a bha biadh, ’us deoch, ’us eudach air an ullmhachadh dhoibh. Is mòr an cùram, an t-saothair, ’s an costas a tha ann an armailt a ghleidheil a suas, agus feumaidh cabhlach shoithichean a bhi freasdal doibh ann an giùlan gach goireis do’n ionnsuidh; no na mìltean carbad a bhi gu’n leanmhuinn gach là: agus ni fàilinn ann an nì dhiubh so cur as de’n armailt a’s gaisgeile ann am beag ùine. Ach faiceamaid feachd Israeil gun loingis no carbaid a giùlan lòin dhoibh—gun talamh air àiteach, gun spréidh air am marbhadh air an son—agus bha iad ’s an fhàsaich thioraim, sheachdta far nach faigheadh iad urrad agus dearcag air preas, no lus air an làr. Ach bha na nèamhan gach là a’ frasadh a nuas lòin dhoibh gu pailt. Bha a’ charraig chruaidh agus ailbheina toirt deoch dhoibh ri òl, agus ré an turuis fhada agus chéin cha d’ fhàilnich eudach, no brògan do aon diubh. Ach ’s e ’n nì ’bu shònruichte gu mòr a thaobh an t-sluaigh so gu’n robh Dia ’n am measg ann am firinn—gu’n robh a làthaireachd air a taisbeineadh dhoibh mar nach robh i ann an cearn’ air bith eile de’n t-saoghal—gu’n robh a thoil naomh air a foillseachadh dhoibh—clàir an lagha shìorruith a sgriobh a mhèur féin air Sinài aca ’n am meadhon, agus gur h-ann aig iarrtas-san a bha iad a’ falbh agus a’ stad—gur h-ann air thuras o thìr na daorsa gu fearann Immanuel a bha iad. “Cò a tha cosmhuil riut O Israeil sluagh a tha beannaichte o’n Tighearna?” Anns na nithean so fa dheireadh—ann a bhi leanmhuinn chéuman an Tighearna féin—a’ deanamh a thoile-san, agus a dol air an aghaidh chum fearann a gheallaidh, agus na fois’, bha Israel ’n an samhladh soilleir agus riochdail air fìor shluagh Dhé—air an Eaglais spioradail agus naoimh anns gach linn de’n t-saoghal; agus bu mhaith, ’s bu bheannaichte an nì na ’n gabhadh luchd-aidmheil Chriosd eisimpleir bho na nithean a tha ’n so air an cur fa n comhair, “a réir àithne an Tighearna dh’ fhan iad ’n am bùthan, agus a réir àithne an Tighearna ghabh iad an turus.”—Air. ix. 23. Ach ’s e ’n nì àraidh a ghuidheamaid air daoine ’thoirt fainear aig an àm, cia freagarach ’s cia ro dhrùighteach an samhladh a tha aguinn ann an so air an dòigh anns am bu chòir do’n chaochladh [TD 426] sheòrsachan a th’ann de luchd-aidmheil Chrìosd iad féin a ghnàthachadh a thaobh càch a chéile. Tha iomad, agus iomad aidmheil ann—iomad eaglais air leth, agus a réir gach coslais bithidh a’ chùis mar so car ùine fathasd: ach cha ’n ’eil so gu cinnteach ’na aobhar air son gu’m biodh fuath, farmad, ’us comh-stri’ aca ’n aghaidh a’ chéile. Feudaidh an suaicheantas féin a bhi aig gach comunn, ach ’n uair a tha iad uile a’ leantuinn Brataich Leòmhain Iudah—bratach àrd Chinn-fheadhnaidh na slàinte, nach bu chòir gu ’m biodh sìth ’us seirc—gu’m biodh caoimhneas ’us càirdeas ’n am measg? Bha bratach air leth aig Iudah, aig Reuben, aig Ephraim, ’s aig Dan,* agus a bhàrr air a so bha aig gach trèubh eile, ’us aig gach tigheadas ’us sloinne ’us dream anns gach trèubh eile, ’us aig gach tigheadas ’us sloinne ’us dream anns gach trèubh gu léir suaicheantas dhoibh féin. Ach ged a bha ’chùis mar so cha robh farmad aig Ephraim ri Iudah, agus cha robh Iudah a’ sàruchadh Ephraim (Isa. xi. 13). Cha robh connsachadh, no comhstri ’n am measg. Bha iad uile le aon chridhe agus rùn a’ dol air an aghaidh air an t-slighe ’chomharraicheadh a mach dhoibh leis an Tighearna—uile ’g éiridh a suas agus ag imeachd gu h-òrdughail co luath ’s a chluinneadh iad caismeachd na Trompaid’. Agus nach b’ fhurasda do chomuinn ’s do eaglaisean deanamh mar so air an là so? Làn fhurasda gun teagamh air bith. Tha iad uile de mhuinntir na h-aon dùthcha—air an turas air aon slighe—air an ainmeachadh air an aon cheannard, air an ceannach leis an aon luach, ’n an oighreachan air an aon dòchas. Biodh luchd-aidmheil a’ càradh nan nithean so ri’n cridheachan—agus cuireadh iad dhiubh gach farmad agus fuath—gluaiseadh iad ann an gràdh eadhoin mar a ghràdhaich Crìosd iad agus a thug e féin air an son. Tha fèum air gràdh gu còmhnadh a dheanamh ri ’chéile air an t-slighe dhochair, agus dhoirbh. Tha féum air gràdh a nochdadh dìlseachd do’n Ard-cheannard—oir “le so aithnichidh na h-uile dhaoine gur sibh mo dheisciobuil-sa ma ghràdhaicheas sibh a chéile” tha Crìosd féin ag ràdh.—Eòin xiii. 35. Tha gràdh uil’-fhéumail, agus do sheachnaidh, a chum ar n-uidheamachadh ’s ar deanamh iomchuidh air son “an t-suaimhneis a tha ’feitheamh air sluagh Dhé”—air son làthaireachd Dia a’ ghràidh—oir is e gràdh agus sìth a mhàin a bhios an sin. Leanadh gach aon r’a shuaicheantas féin ma tha e ’m barail gu’m bheil buannachd ann; ach Oh! na biodh e ’cath an aghaidh an neach a tha roghnachadh dha féin caochladh suaicheantais an uair a tha an neach sin a’ leantuinn “Nèul na Fianuis,” agus ag imeachd a chum a Chanàain nèamhaidh. Tha am bratach féin aig gach Réiseamaid ann an armailtean an t-saoghail; ach nach ’eil iad a’ deanamh dlùth-chòmhnadh ais gach saighdear a tha fo cheannsal a Chinn-fheadhnaidh aca * Tha luchd-eachdraidh Iudhach ag ràdh gu’m b’e Leomhan suaicheantas Iudah—duine suaicheantas Reueben—damh suaicheantas Eaphraim, agus iolair le nathair ’na cruth (no na spòig) suaicheantas Dhan. Ach cha ’n ’eil fhios aguinn ciamar a bha so; agus cha ’n ’eil ach gnothach air bheag stà a bhi rannsachadh uime. [TD 427] féin? Bha bratach air leth aig gach trèubh, agus aig gach tigh ann am feachd Israeil; ach bha iad uile gu dìleas, dlùth d’a chéile—uile le aon intinn, agus le aon ghuth—a leanmhuinn ’s a glòrachadh àrd-cheannard an slàinte. Deanadh Crìosduidhean mar so. Bithidh sonas aca. Bithidh buaidh leò. Bithidh Dia air a ghlòrachadh leò; agus glòraichidh e iad. Ach an tì a tha fuathachadh a bhràthar tha e ann an dorchadas agus ag imeachd ’s an dorchadas.—1 Eòin, ii. 11. G. C. III. FOCAL COMHAIRLE DO PHARANTAN MU SGOIL A THOIRT DO AN CLOINN BHA sinn uair ’us uair a’ labhairt mu’n chuis so; agus bheireadh e gu cinnteach fìor shòlas do’r cridheachan na’m b’ urrainn dhuinn a chreidsinn gu’m biodh a bhliadhna so air a sònrachadh le tuille cùram mu fhòghlum ’us ionnsachadh a thoirt do chloinn na Gàedhealtachd. Tha sinn làn chinnteach, ciod air bith cuideachadh a nithear ris a’ Ghàedhealtachd, nach bi a cor ach turramanach, truagh, gus am faigh a luchd-àiteachaidh fòghlum, agus fiosrachadh a thaobh am maith, gus am faigh iad saor o “speirichean” na Gàelic, agus am bi cead an coise aca ge b’e taobh a tharruingeas am buannachd iad. Na’m biodh fiosrachadh aca cha b’ fhada gus an tugadh iad an cinn féin a mach, agus mar sin á eisiomail gach cuideachaidh o dhaoin eile. Cha b’ fhada gus an cinnicheadh leò anns gach nì a ghabhadh iad os làimh. Thubhairt sinn urrad cheana mu’n bhuannachd a tha ri fhaotuinn o chloinn a chur do’n sgoil tràth, agus an gleidheil riaghailteach innte, ’s nach bi sinn a tighin thairis a rìs air. Ach so aon ni a dh’ iarramaid a rìs a sparradh air pàrantan—iad a theagasg do’n cloinn gur ni féumail—gur nì urramach, cliùiteach fòghlum, agus iad a dh’fheuchainn ri thoirt orra an intinn a leagail air. So nì a dh’fheudadh pàrantan a dheanadh—ach nach dean iad. Cha teid iad a chòir na sgoile aig là ceasnachaidh ged a tha ministeirean ga’n cur féin gu saothair ’us cosdas ’s a’ cheasnachadh sin, agus uaislean gu minic aig cosdas ann an duaisean a thoirt do na sgoileirean a’s fearr. Cha’n iarr iad air an cloinn sùil a thoirt air leabhar feasgar no maduinn ré na bliadhna. Nas measa na sin tha mòran nach ceannaich leabhraichean doibh. Tha gu leòir a sgapas ann an òl ’s an tombaca ’an aon seachdain, no theagamh ’an aon oidhche, na ghleidheadh am pailteas leabhraichean r’an cloinn fad na bliadhna; ach an àite so a thoirt dhoibh, fàgaidh iad gun leabhar idir iad, no leigidh iad air peallagan srachdta, bochd iad, le dara leth nan duileagan a’ falbh air an sgiathan co luath ’s a dh’fhosg- [TD 428] lar e. Cha mhò a bheir iad oidheirp air a’ bheag a phàigheadh do na maighstirean-sgoile air son teagasg a thoirt do’n cloinn. Agus theagamh nas measa na so gu léir, arson gach leth-sgeul faoin—no gun leth-sgeul idir gleidhidh iad as an sgoil iad. A nis tha fios aguinn gun tagair mòran phàrantan ’am bochduinn féin arson mòran de na nithean so. Cha ’n ’eil airgiod aca a cheannach leabhraichean do’n cloinn their iad. A nis a thaobh mòran de na sgoilean—na sgoilean sin a tha air an gleidheil a suas le Ard-sheanadh Eaglais na h-Alba, cha’n ’eil leth-sgeul aig daoine bochda air son an clann fhàgail gun leabhraichean, oir tha òrdugh aig a’ mhaighstir-sgoile, air teisteanas a’ mhinisteir, leabhraichean a thoirt a nasgaidh do chloinn phàrantan a tha co bochd ’s nach urrainn dhoibh leabhraichean a phàigheadh. Ach tha mòran nach iarr iad; agus mòran eile do nach urrainn ministear teisteanas a thoirt a chionn gu’m bheil iad féin ’s an teaghlaich a’ caitheadh ann an amaideachd, ’s an strògh, a chuig urrad ’s a bhiodh féumail air son nan leabhraichean. A rithis their iad nach toil leo an clann a chur do’n sgoil a chionn nach urrainn iad pàigheadh air an son. Ach cha’n ’eil sinn ’an dùil gu’m bheil anabarr sgàth orra am bitheantas do’ thaobh so. ’S e ’m mì-churam, ’s cha ’n e eagal ro’n phàigheadh a tha ga’n gleidheil o’n cloinn a chur do’n sgoil. Cha’n ’eil ’s a’ phàigheadh a tha air a thogail ’an sgoilean ud an Ard-sheanaidh ach prìb a’s gann a’s fiù ainmeachadh. Air a’ bhliadhna chaidh seachad bha ’s gach sgoil dhiubh so ’am pàirt a chéile, naoi-deug ’us trì fichead sgoileir, agus cha d’ fhuair gach maighstir am pàirt a’ chéile ach mu sgillinn ’ar fhichead Shasunnaich arson na bha’n so de chloinn, ’s e sin mu thrì sgillinnean arson gach aoin dhiubh. Agus cha chuala sinn riamh iomradh air aon de’n luchd-theagaisg so a chur duine cloinne mach as an sgoil a chionn nach b’ urrainn e pàigheadh. Cha’n ’eil sinn a’ cur iomchair air daoine a tha buileach bochd—air bantraichean ’s air daoine breòite nach urrainn obair a dheanadh—a chionn nach pàigh iad air son an cloinne. Ach tha na ceudan ann a tha làn chomasach air pàigheadh agus nach toir an oidheirp a’s lugha air a dheanamh, agus orra so tha sinn a’ cur iomchair gu trom. Tha ’n gnàthachadh peacach, eas-onarach agus nàrach. Agus is ainmic da rìreadh iadsan nach urrainn a bheag no mhòr a dhìoladh. A nis a bheag no mhòr, na’n leigeadh e ris rùn deanamh gu maith, bhiodh e taitneach; agus ged nach tugadh iad seachad ach tasdan ’s a’ bhliadhna bu rud eigin e. Tha na ficheadan nach toir tasdan, no sgillinn—nach toir latha oibre do’n mhaighstir-sgoile, agus nach toir taing, no buidheachas dha air son a shaothaireach. Tha so da rìreadh fada fada cearr. Cha ’n ’eil seòrsa dhaoine anns an dùthaich gu léir a’s mò tha deanamh de fhìor mhaith na maighstirean-sgoile. Is minic a bha e air a ràdh, ’s air a sgrìobhadh, gu’n robh taobh-deas na h-Alba air thoiseach air uile chearnan eile na Roinn-Eòrpa tré nan sgoilean taghta ’s an robh a’ chlann air an àrach. Ach ciod e sgoil gun fhear- [TD 429] teagaisg maith? ’S iad na maighstirean-sgoile a thug taobh-deas na h-Alba air aghaidh co mòr. ’S e dìth nam maighstirean-sgoile a ghleidh a’ Ghàedhealtachd agus Eirinn co fad’ air an ais. Tha iad comasach air cor dùthcha àrdachadh, no ìsleachadh, a réir mar a tha iad maith no olc. Ach ged a tha na h-urrad ’an earbsa riù cha ’n ’eil daoine anns an dùthaich gu léir a’s miosa càradh na iad—air bheag pàighidh, a’ saoithreachadh gu goirt: agus nas deuchainniche gu léir gu minic air bheag meas, no farraid—gun duine toirt sùil orra, no feòraich ciamar a tha iad a’ tighin air an aghaidh—ga’n cur co suarrach ’s ged bu dreuchd ìosal, tàireil, gun mhaith, gun fhéum a bhiodh aca. Tha ro mhòran ’an earbsa riù. Tha iad a’ deanamh mòr fheum anns an dùthaich. Bu chòir matà gu’m biodh meas ’us miagh orra. Bu chòir gu sònruichte do na pàrantan sin aig am bheil clann ann nan sgoilean a bhi cuideachadh leò, agus air gach dòigh ’n an comas comain a chur orra: agus bu chòir do’n fheadhain sin nach ’eil a’ cur an cloinne ann, no ’g an gleidheil ann gu riaghailteach an gnàthachadh atharrachadh, agus buil a dheanamh de na sochairean àrda agus prìseil a tha air am buileachadh orra ann an so. Cha ruig iad leas an clann a ghleidheil aig an tigh a dhìth airgid gu pàigheadh—sin nì a tha dearbhta gu leòir. Ach their feadhain eile nach urrainn iad eudach no brògan a cheannach do’n cloinn air son an cur do’n sgoil. Is aithne dhuinn mòran a tha murrach gu leòir air a so nach bi aig an dragh, gus an léum e bhliadhn’ ùr, no’n tig e dlùth air an Fhaoilteach, snàthain eudaich no bhrògan a chur air àird dhoibh, gun reusan fò’n ghréin ach an dàil ’s am mì-chùram. Cha’n ’eil eudach no brògan peighinn nas saoire aig deireadh na tha iad aig toiseach a’ gheamhraidh. Uime sin an uair is e an aona chostas a tha ann, bu chòir aire thoirt air maith na cloinne, ’n uair nach dean e coire d’am pàrantan. Ach nas faide—tha fios aguinn gu’m bheil iad tuille ’s lìonmhor aig am bheil an t-eudach tana, gann air an son féin, gun tighin air a’ chloinn, agus is duilich leinn gu’m bheil iad co lìonmhor. Na’m biodh iad so o fhìor chùram mu shlàinte an cloinne ga’n cumail aig an tigh, ’s ga’n gleidheil blàth, seasgair ri taobh an teallaich, bhiodh truas aguinn dhiubh, ’s cha’n fhaigheamaid coire dhoibh. Ach tha fios aig a h-uile aon a tha eòlach air a’ chùis nach ’eil iad air an gleidheil a stigh latha ’s a’ bhliadhna—ceann-ruisgte, cas-ruisgte, no leth-ruisgte ga’m bi iad tha iad a mach feadh nam blàr ris gach gaoith ’us gaillinn. A nis nach bu mhaith dhoibh a bhi ann an tigh-sgoile tioram, seasgair seach a bhi air a leithid so de dhìol? Cha ruig leas dìth an eudaich ach glé ainmic matà clann a ghleidheil as an sgoil. Their daoine rithis nach e an amaideachd a bhi ’g iarraidh oirnne cuideachadh leò ’n an leasain ’n uair nach ’eil ach ro bheag fòghluim aguinn féin? Cha’n e—oir ged nach urrainn dhuit daonnan leasan a thoirt do’d mhac is urrainn dhuit a chomhairleachadh gu aire thoirt air a ghleidheil dlùth aige. Ni thu mar so a thaobh [TD 430] aon cheird no ealain gu’n cuir thu e. Bheir thu air meas a bhi aig oirre. Gleidhidh tu aice e. Bheir thu air a fòghlum. Dean mar so a thaobh na sgoile; agus cuiridh tu comain air do mhic ’s air do nigheanan nach dì-chuimhnich iad dhuit am feasd; agus nì ma ni thu dearmad air nach urrainn dhuit a leasachadh ged a bheireadh tu òr ’us nì dhoibh. Tha nis sgoilean goireasach do’n chuid mhòir de mhuinntir na Gàedhealtachd—sgoilean matha—sgoilean co saor ann an iomad àite ’s nach b’ fhearr a nasgaidh iad. ’Na dhéigh so uile tha na mìltean de chlann na Gàedhealtachd a’ fàs a suas ann an aineolas ’s ann an dorchadas intinn’ agus cridhe mar nach biodh cothrom air soilleireachadh fhaotuinn: agus tha mòran diubh-san do’m bheil ainm sgoil fhaotuinn aig nach ’eil ach plabartaich bhochd, bhriste—nach ’eil a’ fòghlum Beurla no Gàelic, sgrìobhadh no cunntas; agus so uile tré mhì-chùram am pàrantan nach cuir riaghailteach ann iad, agus nach gabh cùram mu iad a thighin air an aghaidh innte. Tha trom chionta ann an so a ghuidhea’maid air pàrantan a ghlanadh dhiubh féin le’n dleasnas a dheanamh. F. B. IV. AN SEANN DUINE, AGUS NA H-OGANAICH. THA iomadh dearbhadh soilleir againn air an fhìrinn chudthromaich, gu’m bheil “amaideachd ceangailte ann an cridhe leinibh.” Tha amaideachd buailteach a thaobh nàduir do’n òigridh, agus air do’n chùis a bhi mar sin, is lìonmhor rabhadh, achmhasan, agus comhairle, a ta an Tighearn Iehòbhah a’ toirt do’n òigridh, an dà chuid ’na fhocal, agus ’na fhreasdal. Nach freagarrach, uime sin, an sparradh a thug Dia do na h-uile, le béul an duine ghlic, a deir, “Cuimhnich a nis do Chruithfhear ann an làthaibh t’ òige, mu’n tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnacha riut, anns an abair thu, Cha’n ’eil tlachd agam annta?” Tha’n òigridh, mar is trice ’g am mealladh féin leis a’ bharail mhearachdaich gu’m bheil cràbhadh, agus diadhachd ni’s iomchuidh arson sean aois, na arson làithean na h-òige. Tha dùil aca gu’m féud iad an t-àm a ta làthair a chur seachad mar is taitneach dhoibh, ann an sùgradh, cridhealas, agus dìomhanas. Tha iad ’s a’ bharail mhearachdaich gu bheil gach cùis ceart, ma tha iad a’ cur rompa fàs glic, agus diadhaidh, an uair a ruigeas iad air aois. agns an uair nach fhéud dùil sam bith a bhi aca ris a’ chridhealas-inntinn agus an éutromachd sin, a ta iad a’ mealtuinn aig an àm a ta làthair. A nis, bu chòir do’n òigridh beachd-smuaineachadh gu cùramach air aon ni ro shònraichte, agus ’s e sin, gu’m bheil a’ bharail aca féin, a thaobh na cùise so, calg-dhìreach an aghaidh iarrtais [TD 431] agus àithne Dhé ’na fhocal naomh. Tha Focal Dhé gu neo-chaochlaideach naomh, firinneach, agus ceart. Tha’m Focal sin, gidheadh, a’ dìteadh na giùlain amaidich air am bheil sinn a’ labhairt; agus cha’n ’eil e ag ràdh ann an àite sam bith ris an òganach, “Iadsan a dh’ iarras mi gu h-anmoch gheibh iad mi.”—“Is e am màireach an t-àm taitneach.”—“Cuimhnichibh ’ur Cruithfhear ann an làthaibh ’ur sean aois.” Cha ’n iad so idir briathra an Tì bheannuichte sin aig am bheil a rùintean, agus a chomhairlean gu sìorruidh seasmhach! An àite sin, tha Esan gu riochdail, agus gu soilleir ag ràdh, “Iadsan a dh’ iarras mi gu moch, gheibh iad mi.”—Fèuch a nis an t-àm taitneach: fèuch a nis là na slàinte.”—“An diugh ma chluinneas sibh a ghuth, na cruaidhichibh ’ur cridhe.” A nis, thugadh an òigridh fein breith cò a ta ceart—an Tì glòrmhor sin aig am bheil gliocas neo-chrìochnach, no iad féin. “Biodh Dia fior agus gach duine ’na bhréugaire.” Air an aobhar sin, thugadh an òigridh géill do chomhairle an Tì ghlòrmhoir sin a dhealbh iad, agus cuimhnicheadh iad an Cruithfhear ann an làithibh an òige. Tha sinn ’an dòchas gu’n gabh uile luchd-léughaidh an “Fhir-thathaich” na firinnean cudthromach so gu cridhe, agus gu’n smuainich iadsan a ta òg, gu ’m bheil Esan, aig am bheil ’ainm òirdheirc air feadh na talmhainn uile, agus a shocraich a ghlòir os ceann nan néamh, a’ sparradh gliocais agus naomhachd orra ’nan òige, agus ag ràdh ri’m pàrantaibh fa leth, “Teagaisg leanabh a thaobh na slighe air an còir dha gluasad, agus an uair a bhios e sean cha tréig e i.” Is lìonmhor dearbhadh muladach a ta againn anns an t-saoghal mu’n cuairt duinn, an dà chuid air amaideachd na h-òigridh, agus air mì-chùram nam pàrant’ d’am bheil e ’na dhleas’nas, le lagh Dhé, agus dhaoine, an teagasg agus an smachdachadh ’na thràth, agus slighe na firinn a chomharrachadh a mach dhoibh. Tha’n sgéul beag, brònach a leanas, a’ deanamh soilleir cia co amaideach agus gearr-sheallach ’s a ta a’ mhuinntir òga a’m bicheantas, agus cia co minic ’s a ta an Tighearn Iehobhah a’ toirt rabhaidh seachad le cùisean a fhreasdail féin, mu ghiorrad agus neo-chinnteachd beatha an duine. Chaidh triùir òganach a mach air là sònraichte, stéidhichte ’nan cridhe air àbhacas dìomhain; agus chuir iad rompa sgeig agus fochaid a dheanamh air a’ chéud neach a thachradh orra. Cha b’ fhad a dh’fhalbh iad, gus am fac iad seann duine còir, agus a cheann còmhdaichte le dualan glasa na h-aoise. “Rachamaid a dh’ ionnsuidh an t-seann amadain so, (ars’ iadsan) agus deanamaid ball-àbhachd dheth; oir cha’n ’eil ann ach bodach beag, cròm, nach urrainn cur ’an aghaidh ni sam bith a dh’ fhéudas sinn a dheanamh air, agus gheibh sinn gun teagamh pailteas spòrsa leis.” Cha bu ruith ach léum leo chum ni nithean mi-chiatach a rùnaich iad a chur an gnìomh. Dhlùthaich iad ris an duine chòir, agus [TD 432] chunnaic iad e a’ suidheachadh chraobh. Chuir e fàilte orra gu ciùin, suairce—bheannaich e iad, àgus thubhairt e gu’n robh an aimsir gu taitneach, blath. “Innis duinn (deir iadsan gu frionasach) ni éigin nach aithne dhuinn; oir cha’n ’eil aon ’nar measg aig nach ’eil fios air feabhas na h-aimsire ni’s fearr na tha fios agadsa, oir tha mothachadh agus léirsinn nan sùl againn.” “Ma tha (deir an duine còir), cha’n’eil coslas oirbh a bhi taingeil do’n Tì a’s àirde arson a chaoimhneasan gradhach, agus a chaomh-thròcairean d’ur taobh.” “Taingeil! (ghlaodh na h-òganaich le gàire-fanoid) taingeil!—buinidh a’ leithid sin de chràbhachd gun toinisg dhuit fein, aig nach ’eil tuilleadh r’a dheanamh; ach air ar son-ne a ta òg, agus beothail, faigheamaid ar dìol sùgraidh, agus cridhealais. “Tha gun teagamh sùgradh, agus cridhealas ann (deir an seann duine), a ta annta féin neo-chiontach, agus a ta, air an aobhar sin, ceadaichte leis an Tighearn, ach, òganacha air bheag céill, ceadaichibh dhomh mo bharail ìnnseadh d’ur taobh, agus is i sin nach ’eil iarrtas, no eòlas sam bith agaibhse air na nithe sin a ta taitneach ann an suilean an Tì bheannaichte sin a ta gu tròcaireach ’g ’ur cumail suas, agus ’g ’ur beathachadh. Chaidh ceithir fichead grian samhraidh thar mo chinn-sa, agus bheannaìch mo Chruithfhear mi le h-aois nach do dheònaich e do mhòran eile mu’n cuairt domh. Chunnaic agus chuala mi mòran ré mo chuairte air an talamh; ach tha iad sin an diugh mo thruaighe! mar bhruadar luaineach na h-oidhche: ach their mi so le firinn, nach fhaca mi riamh rath a’ teachd orrasan nach cuimhnicheadh an Cruithfhear—nach biodh taingeil Dhà-san aig am bheil a chaomh fhreasdal os ceann ’oibre féin gu léir, agus nach tugadh buidheachas d’a ainm glòrmhor airson a thròcairean aimsireil agus spioradail. Cha’n fhaca, cha’n fhaca, agus a chaoidh cha’n fhaic. Nach oirdheirc briathra Dhé anns a’ chéud Sailm:— ’S beannaicht’ an duine sin gu sior, Nach gluais an comhairle dhroch dhaoin, Is fòs nach seas an slighe fhiar, Nam peacach dalma agus faoin:— ’S an caithir luchd na fanoid dhéin Nach suidh; ach aig am bheil do ghnà, A thlachd an lagh Iehobah thréin, A’ smuaineach air gach òidhch’ is là.—&c. &c. Chuala na h-òganaich briathra milis an t-seann duine, agus thubhairt iad:— “Cha’n ann a dh’ éisdeachd searmoin agus sailm, a thainig sinne ad’ ionnsuidh, a bhodaich leibidich, ach a dh’ fhaicinn t’ amaideachd, agus a dheanamh gaire ris.” “Aig an Tighearna uile-léirsinneach tha fios cò a ta glic (deir an duine cràbhach), ach òganacha éu-céillidh, tha e soilleir do shùilean dhaoine, nach ’eil ’ur giulan, agus ’ur béusan-sa, aon chuid ciatach na cliùiteach.” [TD 433] “Tha sinne mar is còir dhuinn a bhi; ach c’àit am bheil do thuigse, agus do ghliocas féin, a sheann amadain, an uair a ta thu a’ suidheachadh chraobh aig ceithir ficheàd bliadhna dh’ aois? Nam biodh tu a’ ruadhar, no ’togail aitreibh, no ’cur ri h-obair air bith eile, cha bhiodh iongantas co mòr oirnn; ach a’ suidheachadh chraobh! ciod is ciall duit? Gu cinnteach tha thu air boile; oir ciod an tairbhe ris am féud duil a bhi agad o obair amaideach do làmh? A’ suidheachadh chraobh, mar amadan, an uair a ta thu ceithir fichead bliadhna, agus uime sin a cheana ach beag, a’d’ shìneadh anns an uaigh!” Thog an duine còir suas a cheann, agus dh’ amhairc e air no h-òganaich an clàr an éudainn, agus tbubhairt e,— “Tha m’ obair-sa cliùiteach agus taitneach, a chréutairean gun tuigse, agus is obair i a bheir a mach toradh uair-eigin a ni féum do’n neach a chì e:—ach ciod i ’ur n-obair-sa, agus ciod e a toradh? Tha sibh a’ deanamh nan nithe a ta an t-athair beannaichte a’ toirmeasg; oir tha sibh a’ deanamh fochaid air seann duine bochd, a’ dearbhadh na firinn a labhradh le seirbhiseach an Tigearna o shean, “gun aithnichear eadhon leanabh le a bhéusaibh, am bi a dheanadas glan, agus am bi e ceart.” Cuimhnichibh air a’ chloinn bhig a rinn fochaid air an fhàidh, air an t-slighe gu Bétel, agus cuimhnichibh ciod a rinneadh orra.” “Ciod a rinn iad sin, agus ciod a dh’ éirich dhoibh?” dh’fhoighneachd na h-òganaich le gàire. “Tha ’bhuil (deir an seann duine) nach ’eil sibh a’ rannsachadh Focail Dé; tha ’ur n-aineolas ceart co maslach, ’s a ta ’ur giùlan mi-chiatach;—agus fòghnaidh sin, mo thruaighe! Tha cunntas againn ann an 2 Righ. ii. 2, 3, an uair a bha ’m fàidh Elisa air an t-slighe gu Bétel, gu’n d’ thainig giullain bheaga cosmhuil ’ruibh féin, ‘a mach as a’ bhaile, agus gu’n d’ rinn iad fanoid air, ag ràdh Gabh suas fhir mhaoil! gàbh suas fhir mhaoil!’” “Ach ciod (deir na h-òganaich) a b’ urrainn éiridh dhoibh air son sin a ràdh; oir cha bu mòr an cron a rinn iad?” Dh’éirich so dhoibh, mo ghillean òga, gu’n do mhallaicheadh iad ann an ainm an Tighcarna, agus gu’n d’ thainig dà mhath-ghamhuin a mach as a’ choille, agus réub iad a dhà agus dà fhichead duine cloinne dhiubh, mar pheanas arson gu’n d’ rinn iad magadh air seirbhiseach Dhé.” “Ach cha seirbhiseach Dhé thusa (a deir na h-òganaich), oir nam bu tu sin, cha bhiodh tu co amaideach ’s a ta thu, a’ suidheachadh chraobh aig ceithir fichead!” Rinn iad maraon gàire-fanoid ris an duine chòir, agus ghlaodh iad le aon ghuth, “Gabh suas fhir mhaoil! gabh suas fhir mhaoil!” ‘Na brosnaichibh an Tì a’s àirde chum feirge, O! sibhse air bheag céill (a deir an seann duine bochd, a’ silleadh nan déur), féudaidh mise a ràdh mar a thubhairt am prìomh-athair cràbhach roimhe so ri rìgh na h-Eiphit, ‘Bu tearc agus olc làithean bliadhnacha mo bheatha;’ agus tha féum mòr agam air àithreachas a dheanamh le [TD 434] déuraibh, as leth mo pheacanna lìonmhor agus gràineil,—och! och! is duine truagh mi;—a Dhé dean tròcair ormsa ta a’m pheacach! Ach O! sibhse òganacha amaideach, imichibh uam—smuainichibh air aingidheachd ’ur giùlain—cuimhnichibh ’ur Cruithfhear ann an làithibh ’ur n-òige, agus guidhibh gu dùrachdach arson a’ ghliocais sin a ta fathast, mo thruaigh! a dhìth oirbh.” ’An àite a bhi umhal agus comhairle a ghabhail, ’s ann a rinn na h-òganaich gàire mòr ri briathraibh tuigseach an duine chòir, agus thubhairt iad:— “A bhodaich shuaraich, thoir thairis an obair sin air ball, agus sguir gu h-ealamh de ni nach còir dhuit a dheanamh; oir cha ’n fhada gus am faic sinne còineach a’ fàs air do leac-lighe, agus ’s ann duinne, agus cha ’n ann duitse a bhuineadh a bhi ’suidheachadh chraobh.” Dh’ éisd an seann duine gu cùramach ris gach focal a labhair na h-òganaich, agus thubhairt e riù:— Mo ghillean tapaidh òga, éisdibh rium-sa, agus fòghlumaibh gliocas o m’ bhriathraibh. Tha sibh a’ gealltuinn saoghal fada dhuibh féin; ach mo thruaighe! feudaidh sibh a bhi ni’s faigse do shìorruidheachd na do shean aois! Feudaidh gun teagamh, agus mar dhearbhadh air sin amhaircibh air feadh an àit-adhlaic ud thall, agus chi sibh leacan an sin de gach mèud. Chi sibh sluagh dheth gach staid, agus aois, agus inbhe, ’an sin ’n an luidhe gu tosdach. Chi sibh uachdarain agus ìochdrain—maighstirean agus seirbhisich—na seann daoine agus na h-òganaich co’-shìnte taobh ri taobh; oir an cuala sibh riamh, nach cumar a còir o’n uaigh? Tha ’n tagradair—an teallsanach— An ceannard thuit ’s an àr— An léigh ro theòm’—an searmonaich’— An sealbhadair—an tràill— An rìgh ’sa chéile ribhinneach— A’ mhìneag mhàlta stuam’— ’S a ghuanag lurach, bhrìodalach, Coimh-shìnte anns an uaigh!— Bha faiteachas beag air na h-òganaich ri teagasg fìor-ghlan an t-seann duine, ach cha dubhairt iad a bheag. Air dhàsan so fhaicinn, lean e air a bhriathraibh, agus thubhairt e:— “Mo ghillean éutrom, tha saighdean a’ bhàis ’n an deann-ruith, agus feudaidh iad sibhse ’bhualadh mu ’m buail iad mise, aig am bheil blàth na h-uaighe air mo cheann, agus a ta ’turamanaich gu lapach air bruaich na sìorruidheachd. Fàgaibh mise, matà, agus bithibh glic. Ceadaichibh dhomh na mionaidean siubhlach a dheònaicheadh dhomh a chur gu deadh bhuil. Is taitneach leam a smuaineachadh gu’m feud m’ iar-odhaichean a bhi fathast a’ mealtuinn dùbhraidh nan craobh so, agus fo’n sgàile aca, a bhi ’rannsachadh Focail na fìrinn. Buidheachas do Athair nan uile thròcair, tha mise fathast a’ gluasad ann an tìr nam beò, agus trìd fhad fhulangais-san do’m thaobh, feudaidh mi bhi air m’ fhàgail ré beagan ùine fathast ann an tìr an aithreachais. Mo thruaighe! tha oib- [TD 435] re freasdail an Tighearna mìorbhuileach; oir feudaidh eadhoin mise, bochd, lapach, agus aosda mar a ta mi, solus na maidne fhaicinn a’ dealradh air ’ur n-uaighean-sa, a tha an diugh co fochaideach, amaideach, agus éutrom ’n ’ur giùlan!” Mar so labhair an seann duine còir, agus labhair e gu fìor. Goirid an déigh sin, thuit dithis de na h-òganaich ann an linne uisge, far an do bhàthadh iad, a’ cheart là air an do bhàsaich an treas fear ann am fiabhrus! Chaidh an giùlan còmhla chum an àit-adhlaic, agus chàireadh taobh ri taobh ’s an duslach iad! Mar so, ghairmeadh an trìuir a stigh do shìorruidheachd, am feadh a bha an seann duine fathast beò! Chuimhnich e a bhriathra féin, a labhair e ris na h-òganaich. Dh’ fhalbh e, a’ sileadh nan déur gu frasach—rinn e suidhe air an leacaibh maille ri caraid àràidh, agus dh’ innis e gu ciùin an sgéul beag, brònach so, a bhios a chum buannachd, tha sinn ’an dòchas, go gach òg agus aosda a léughas e ann an duilleagan an “Fhir-thathaich.” SGIATHANACH. Clachan Chillmhoire, Toiseach na bliadhna, 1849. V. NAIGHEACHDAN. THA’M Pàpa fathasd am baile Ghaeta ’an rìoghachd Naples anns an Eadailte. Tha muinntir na Ròimhe ’an déigh uachdarain eile ainmeachadh dhoibh féin, agus a chur an céill nach gabh iad ris a’ Phàpa, no ri Sagart ’s am bith mar Mhaighstir orra nas mò. Ma dh’ fhanas rìoghachdan eile gun dol ’san eadraiginn tha e uile choltach nach faigh esan cas a chur ’s an Ròimh am feasd; ach tha cunnart gu’m feud rìoghachdan Pàpanach dol na lethsgeul-san, agus mòr iorghuill a thogail. A thaobh an drùghaidh a ni tionndadh air falbh a’ Phàp’ as an Ròimh air a’ chreideamh Phàpanach feadh an t-saoghail tha e duilich innseadh fathasd. Feudaidh an gnothach so bhi na mheadhon gu daoine ’thoirt gu smaoineachadh, ’us rannsachadh mu ’n àrd-chumhachd a tha’m Pàpa ’gabhail air féin, agus mar so an treòrachadh chum na fìrinn. Ach cha dean aon ghnothach saoghalta de’n t-seòrsa so—cha dean tilgeadh a sìos, no cur a suas rìoghachdan aimseireil a’ Phàpanachd fhuadach air falbh. ’Se solus na fìrinne—’se cumhachd an t-soisgeil ’an laimh an Spioraid Naoimh’ a ni a’ Phàpanachd, agus gach mearachd eile a sgrios; agus bu chòir do gach aon aig am bheil eòlas na fìrinn’ e féin a bhi strì gu dùrachdach gus an t-eòlas so a thoirt dhoibhsan a tha fathasd air am mealladh le dìomhanais bhréige. Tha feachd Iompaire Austria a’ buadhachadh air muinntir [TD 436] Hungary anns gach blàr; agus a réir gach coltais bithidh an dùthaich sin ’an ùine glé ghoirid air a làn chìosnachadh. Tha muinntir Hungary a’ cath gu glé dhìorrasach; agus tha aon nì a tha iad a’ deanamh aig a’ cheart àm gu iad féin a dhìon a tha coimhead spleaghach, do-chreidsinn do mhuinntir na dùthcha so; ach tha e làn dhearbhta gu’m bheil iad ga dheanamh. Ann am baile mòr ris an canar Pesth far am bheil iad air an teannachadh le arm an Iompaire bha iad gann de ghunnaichean mòra (cannons); ach tha iad air na ficheadan dhiubh so a dheanamh de dh’ eigh (ice); agus tha fiuthair aca gu’n loisg ’s gu’n tilg iad co maith ris an fheadhain a tha air an deanamh de iarruinn. Tha so a’ coimhead iongantach dhuinne nach ’eil a’ faicinn ach sgrathan tana eighe de nach gabhadh ni air bith de’n t-seòrsa ud deanamh; ach ann an dùthchannan fuara far am bheil an reotha teann, agus am bheil an eigh na mill mhòra feudar a gearradh gu aon chuma a thogras tu, agus a tolladh, no a cladhach ’na feadain mhòra cosmhuil ris na gunnachan iarruinn. A dh’ aona chùis tha muinntir Hungary air so a dheanamh; agus cha’n e so a’ cheud uair a chaidh a’ leithid fheuchainn. Tha cunntas air gunnaichean eighe o cheann fhada a loisg iomad làmhach gun sgàineadh, gun leaghadh; ach air a shon sin cha’n ’eil fiuthair aguinn gu’n dean iad mòran stàth do mhuinntir Phesth. Tha Prussia a’ dol nas sìothchaile; agus tha choltas air an Rìgh gu’n gleidh e a làrach nas faide na bha fiuthair aig daoine o cheann ghoirid. Tha gnè fhois aig an Fhraing mar an ceudna ’s an àm. Tha còmhrag a’ sìor dhol air aghaidh ’s an Spàinn; agus tha rìoghachdan na h-Eadailte neo-fhoistineach. Tha gluasad fuathasach ann an Staidean America aig an àm air tòir an ni sin a tha ’gluasad muinntir an t-saoghail anns gach linn—an t-Or. Ann an dùthaich ’an America mu thuath (a bhuineas a nis do na Staidean) ris an abrar California fhuaradh o cheann ghoirid a mach gu’m bheil òr anabarrach uile pailt—’na smùr air feadh an talaimh, agus ’na mhìrean am measg nan creag. Tha e dearbhta gu’m bheil tuille òir anns an dùthaich sin na bha ann an dùthaich air bith air an robh iomradh aguinn riamh; ach tha na naigheachdan a tha tighin do’r n-ionnsuidh mu’n chùis co spleaghach, agus mòran dhiubh co fada an aghaidh a chéile ’s gu’m feith sinn gus an tig sgeul cinnteach mu’n abair sinn mòran mu dhéighinn. ’S an ath àireamh bithidh fiuthair aguinn cunntas mion a thoirt seachad air. Cha’n’eil Innsean na h-Aird-an-ear ach ro aimhreiteach fathasd. Tha ’n cogadh eadar an t-arm Breatunnach agus na Sikhs a’ dol air aghaidh gu ronngach, ’s cha’n ’eil coltas gu’m bi e air a chrìochnachadh an ath-ghoirid. Tha Moolraj (an Seanalair a tha thairis air na h-Innseanaich ann am baile Mhoultan) a’ fuireach a stigh [TD 437] ’na dhaigneach; agus tha Seanalair Whish, a tha thairis air a’ bhuidheann sin de’n arm Bhreatunnach a tha ’séisdeadh Mhoultan, a’ feitheamh gus am faigh e tuille cuideachaidh. Tha réubalach eile d’an ainm Shere Singh, agus a tha ’na dhuine ro thréun, churanda air éiridh a suas ann an cearn’ eile de’n dùthaich. Thug Lord Gough, Ceannard an airm Bhreatunnaich, ionnsuidh air an duine so ’chur fodha; ach ma thug ’s beag a bhuannaich e. Anns an oidheirp so thuit cuid de ’n arm Bhreatunnach agus ’n am measg-san a thuit bha cuid de na h-oifigich a b’ ainmeile ’bha fo Lord Gough. Mu dheireadh ’n uair a chunnaic Shere Singh iomchuidh, thug e féin ’sa chuid daoine as do na beanntan. Tha’n cothrom aig Shere Singh air na Breatunnaich a thaobh suidheachadh na dùthcha a tha monadail, agus làn de aimhnichean brasa. Air an aobhar sin cha ’n ’eil fhios cuin a chuirear fodha’n ceannairceach so. Mar ’bi Seanalair Whish tapaidh, furachar, ’s dòcha gu’n teich Moolraj á Moultan, agus gu’n cuir e féin agus Shere Singh an cuid daoine cuideachd chum dùlan a thoirt do na Breatunnaich. Tha Eirinn mar a bha i. Bochduinn—goid—losgadh thighean—’us mort r’am faicinn gach là. Tha mòr aobhar taing aguinn do’n Tì uile-ghràsmhor gu’m bheil Plàigh a’ Cholera a’ dol nas eutroime ’an Glascho, agus ’an cearnan eile. Tha i fathasd a’ bualadh eadar a dhà ’s a trì a dh’ficheadan ’s an latha, agus a’ gearradh as mu fhichead ann am baile Ghlascho. Ach mu àm na bliadhn’ ùire bha o dhà gu trì cheudan ’s an latha air am bualadh, agus o cheithir fichead gu ceud a’ bàsachadh leatha! Mo thruaighe! ’Se misg agus ruidhteireachd chuthaich an t-sluaigh féin a bu choireach ris a so. Tha mòr aobhar taing aig a’ Ghàedhealtachd anns gu’m bheil i fathasd air a caomhnadh. Na bitheadh i an-dàna ach ìriosal. Tha sinn ro thoilichte innseadh gu’m bheil malairt na rìoghachd a’ togail a cinn gu soilleir—gu’m bheil cùisean fada nas fearr, agus airgiod nas pailte na bha iad mu’n àm so an uraidh; agus tha sàr dhòchas aguinn gu’m bi deadh fharraid air cosnaichean ’an ùine ghoirid. Tha min de gach seòrsa a’ sìor thuiteam. FOCAL RI’R LUCHD-LEUGHAIDH. Tha e ro dhuilich leinn a bhi sìor-chluinntinn gu’m bheil mòran de’r luchd-léughaidh nach ’eil a’ faghuinn an “Fhir-thathaich” gu riaghailteach aig toiseach a’ Mhìos mar a bu chòir dhoibh. Thug sinn gach oidhirp air so a leasachadh; ach dh’ fhartlaich a’ chùis oirnn fathasd. Tha sinn a’ cur air falbh nam pasgan (parcels) leis na Bàtaichean-toit; ach uair a liùbhrar iad ’an àm ’us dà uair [TD 438] nach liùbhrar. Tha dìreach aon dòigh a’s aithne dhuinn air a’ chuis a cheartachadh—’s e sin, ar luchd-léughaidh uile a ghabhail seòrsa nan ceithir Sgillinn’ ’an àite seòrsa nan trì. Tha ’n Sgillinn chorra so a’ dol mar chìs a dh’ionnsuidh na Bàn-righin; ach air a shon so giùlainear an leabhar leis a Phost gu cearn air bith de’n rìoghachd. Cha ’n ’eil an Sgillinn so a’ cur a’ bheag ruinne—a’ deanamh fiù a’ phrìne de mhaith dhuinn. Tha sinn ’ga pàigheadh air son gach àireamh air am bheil an aile (Stamp) air a cur mu ’m feud sinn urrad ’s a chur ann an clò. Is ann air son goireis ar luchd-léughaidh gu h-iomlan a tha sinn ag iarraidh orra deanamh mar so. Ma ni iad e gheibh iad an leabhar gun fhàillin aig toiseach gach Mìos leis a’ Phost; agus tha de thlachd ann an so ’s gu’m bheil sinn ann an dùil nach doichill duin’ air bith am barrachd cosdais a tha ’na luib. Cuireadh gach aon matà a tha toileach deanamh mar so fios gun dàil air bith gu luchd-reic an “Fhir-thathaich” anns gach cearna de’n Ghàedhealtachd, agus geallaidh sinn gu ’m faigh gach aon a leabhar féin gun mhearghal. UILLEAM MAC ’ILLE CHRIOSD. Fhuair sinn litir an “Léughadair Thuathaich,” agus feuchaidh sinn ri freagradh a thoirt dh’i ’s an ath Aireamh. Biodh foighidinn aig “Dômhnull,” gheibh e “Còmhradh” ’s an ath Aireamh. Orders received by the following Agents:— ABERDEEN, J. A. Wilson, Bookseller. ABERFELDY, D. Cameron, do. CAMPBELTON, M‘Ewen, and Ralston, Booksellers. CORPACH, David M‘Duff, Schoolmaster. CRIEFF, A. M‘Donald, Bookseller, DINGWALL, James Keith, do. EDINBURGH, M‘ Lachlan & Stewart, Booksellers. FORTWILLIAM, Wilkinson, Steamboat Agent. GAIRLOCHY, D. Cameron. GREENOCK, Hislop, Innes, & R. Stewart, Booksellers. INVERNESS, James Smith, Bookseller. OBAN, James. Miller, do. ——— Dugald M‘Dougall, Jun., Merchant. PERTH, D. Wood, Bookseller. ROTHESAY, A. Anderson, do. STORNOWAY, Macpherson & Co. Booksellers. Subscriptions paid in advance. GLASGOW: WM. GILCHRIST, 145 ARGYLE STREET. EDINBURGH: MACLACHLAN & STEWART. Printed and Published at 145 Argyle Street, on the First Day of each Month, by WILLIAM GILCHRIST, residing at 22 Centre Street, Tradeston, Glasgow.