[TD 151] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR. VI.] AN SEATHADH MIOS, 1848. [R’A REIC AIRSON TRI SGILLINN’. CONTENTS:—I. The great End of Man’s Being—the Practice of true Godliness No. I page 151. II. Familiar Dialogue:—going to “the Fair”—Money expended on drink and on many trifles—Duty of “Honouring the Lord with our Substance”—of promoting Schools, and Missons—the Poorest may contribute to these good Works, page 155. III. Proceedings of the late General Assembly of the Church of Scotland, page 162. IV. Brief Account of Prince Edward’s Island, No. 1. page 176. V. Emigration to Australia, page 180. VI. Public News—France,—Denmark and Prussia—State of Ireland—Chartist Meetings in England and Scotland, page 181. Another Insurrection in France, page 182. VII. Markets, &c. page 182. I. MU’N CHRICH MHOIR AIRSON AN DO CHRUTHAICHEADH AN DUINE—GU CREIDEAMH, CRABHADH, NO FIOR NAOMHACHD A CHLEACHDUINN—CIOD IAD SO? AIREAMH I. THA gach obair, gach ìnnleachd, agus gach àsuinn, a tha duine a dealbh, air an deanadh airson féum, no aobhar sònruichte a bha aigesan ’san amharc: agus mar freagair iad do’n fheum, no do’n aobhar sin bithidh iad air an cur air cùl mar nithean neo-fhiach agus gun mhath. Marso tha bàta air a togail arson daoine ’ghiùlan thar nan uisgeachan—ach ma dhiultas am bàta sin iomradh no seòladh—mar a snàmh i idir air an uisge, tha i air a tilgeadh a thaobh—tha i air a cur as a chéile. Tha uaireadair air a dealbh gu h-innleachdach arson na h-aimsir a thomhas, agus innseadh ciod an t-àm de’n latha, no de’n oidhche ’tha ann: ach mar ’eil i a’ roinn na h-ùine gu ceart—ma’s e sgéul mearachdach a bheir i dhuit air na tràthan, tha thu ga tilgeadh-sa air cùl mar an ceudna: agus marso gach obair, agus gach innleachd eile. [TD 152] A nis is e an duine féin, ’na bhuaidhean inntinn, agus colainn, as iongantaiche de oibre na cruinne gu léir; agus feudar a bhi ro chinnteach a dà ni mu thimchioll, gu’n robh aobhar sònruichte, agus mòr aig Dia—a Chruithfhearsan—’san amharc do ’thaobh, an uair a dhealbh, a dh’uidheamaich, ’sa sgeadaich e air mhodh co iongantach, agus co saibhir e—agus a rithis, mar freagair an duine do’n aobhar so—mar coi’lion e crioch a bhith—mar dean e na nithean sin arson an do chruthaich Dia e, gu’m bi e air a chur air cùl—gu’m bi e gu cinnteach air a mhilleadh, agus air a sgrios gu tur. Ghuidheamaid air gach duine mata, smuaineachadh gu géur-chuiseach, gu dil, agus gu dlù air a cheist so, “C’arson a ghairmeadh e gu bith? Ciod an t-aobhar, no a’ chrioch arson an do thogadh e á doimhneachd dhorcha na neonaidheachd—an tugadh dhà buaidhean, agus feartan co àrd, agus co cumhachdach—inntinn shoilleir, thuigseach—cridhe tairis agus tlàth—cuimhne gus gach nì luachmhor a chì no chluinn e a thasgadh a suas gu tearuinte, agus coguis fhurachair, fhiosrach gu breith a thoirt air gach nì a their, no smuainicheas, no ni e? C’arson ann an aon fhocal, a thugadh dhàsan anam tuigseach, neo-bhàsmhor—agus a tha liugha mìle tàland prìseil, air an cur na làmhan?” Tha e iomchuidh—tha e uil’ fhéumail a’ cheist so a chnuasachd gu cùramach, agus an duine sin aig nach ’eil fuasgladh dhi—aig nach ’eil beachd soilleir air aobhar agus air obair mhòir a bheatha, cha toill e ainm duine—cha’n ’eil e ach da-rìreadh mar ainmhidh—Féumaidh fios a bhi aguinn air a chùis so—agus a bhàrr air a sin, féamaidh sinn a bhi da-rìreadh a coi’lionadh na crìche so—a bhi gluasad ’sa chéum no ’sa chùrsa sin, a chomhairricheadh a mach dhuinn, mu’n urrainn ar cor a bhi ceart—mu ’n urrainn dhuinn sonas a shealbhachadh, no dol as bho sgrios, agus bho dhòruinn. Tha daoine ’am bitheantas ann am mearachd truagh mu na nithibh so. Tha iad lìonmhor nach smuainich idir carson a thug Dia àite na chruitheachd dhoibh—a tha ’leanmhuinn an tograidhean, agus am miannan féin, gun chuimhn’ air an latha dé, gun chùram mu’n latha ’màireach. Tha iad ro lìonmhor a tha’m beachd, ma tha iad a cur air aghaidh aobhar air bith, gur leòir e, ged nach ’eil guth aca air an aobhar airson an do chruthaich Dia iad. A nis thugaibh fainear nach leòir sibh a bhi deanamh oibre, mar ’eil sibh a deanamh na h-oibre shonruichte sin a thug Dia dhuibh r’a dheanamh. Ma tha sibh a cur seirbhisich a bhuain ’ur barra, agus gu’n téid esan a dheanamh ni-eiginn eile as taitniche leis féin, am foghainn so leibh ma tha ’ur bàrr gun bhuain? Cha leòir do dhuine gu’m bitheadh e a réir barail an t-shaoghail, na sgoileir ionnsaichte, na thuathanach, no na shaighdear, no na sheòladair maith, no na dhuine còir agus na dheagh choimhearsnach. Feudaidh e bhi na h-uile cuid dhiu’ so (agus tha iad uile iomchuidh annta féin), ach na dhéigh so gu léir, dearmad buileach a dheanamh air an obair a thug Dia dha r’a chrìochnachadh. Agus ma tha sinn a dearmad na h-oibre so—ma tha sinn a’ cur an aghaidh [TD 153] rùin Dhé do’r taobh-ne, féumaidh sinn a bhi sgriosta, agus truagh, ciod air bith ar saothair, no ar subhailcean—ciod air bith ar cliù, no ar creideas am measg dhaoine. So agaibh fìrinn chudthromach—cha’n urrainn duine ’bhi sona am feasd gus am bheil e a strì ri crioch a bhith a choilionadh—gus am bheil e ag aontachadh le Dia, agus a’ cur air aghaidh na h-oibre sin a thug Dia dha r’a dheanamh. Tha e mi-nàdurra—tha e eu-comasach gu’m bi sonas agad air atharrach. Tha e co glic dhuit a shaoilsinn gu’m bi fois aig do choluinn ’nuair a tha do chnaimhean briste, no as na h-uilt—gu’m meal thu slàinte, no beatha am builsgein nan lasraichean loisgeach—gu’m pill thu air ais sruth meamnach a’ chùain an uair is braise a shiubhal, ’sa tha e a shaoilsinn gu’m bi sonas, no suaimhneas agad an uair a tha thu cur an aghaidh toile Dhé—an uair nach ’eil thu ag aontachadh leis an aobhar airson an do chruthaich thu. Cha’n urrainn e a bhi gus an atharraichear gach ni anns an domhan—gus an caochlaidhear nàdur neo-chaochlaideach Dhé—gus an toirear an t-shlat riaghlaidh as a laimh-san. Cha’n urrainn ceisd a bhi ni’s cudthromaiche mata na so, “Ciod a’ chriòch, no an t-aobhar arson an do chruthaich Dia an duine?” Agus tha e taitneach gu’m bheil gach duine tuigseach anns gach cearna de’n t-shaoghal, aon-sgeulach ann am freagairt, gu’r ann arson glòir a thoirt do Dhia le gluasad ann an ùmhlachd dha—le creideamh, agus cràbhadh a thaisbeineadh dha—le fìor dhiadhachd, agus naomhachd a chleachduinn—gu’r h-ann air a shon so a chruthaicheadh an duine. Am fad so tha daoine aon-sgeulach; agus uime sin buinidh dhuinn uile a shocrachadh na’r n’ intinnibh, gu’r h-ann a chum ’s gu’n gluaisimid gu cràbhaidh, agus diadhaidh, a chruthaicheadh sinn, ’sa tha sinn air ar gleidheil a suas. Buinidh dhuinn mar an ceudna, fheòraich gu cùramach, “Ciod e diadhachd, no cràbhadh, no fìor chreideamh?” A thaobh na freagairt do’n dara ceist so, thachair e, gu ro mhi-’alach, gu’m bheil lìonmhoireachd bharailean do ’taobh—gu’m bheil barailean mu timchioll a tha calg-dhìreach an aghaidh a chéile, air chor a’s an ni a mheasas an dara duine na dhiadhachd, gu’m bheil duin’ eile ’meas na mhì-dhiadhachd. Tha ’leithid de chaochladh beachd mu fhreagairt na ceiste so ’s gu’n robh iad ann, ’s gu’m bheil iad ann, a tha ga mheas mar ni ro dhiadhaidh, daoine nach buin do’n cuideachd féin a chàineadh, a dhìteadh, a chur gu bàs. Ach ged a tha a leithid so de chaochladh beachd air feadh an t-shaoghail, féumaidh gach aon aguinn ar n’ inntinn féin a dheanamh a suas mu’n chùis—a bhi làn dearbhta ’n ar cridheachaibh féin; oir cha ghabh ar n’ aineolas ar leithsgeul, an uair a dh’fheudas sinn ruigheachd air eòlas ceart. Agus c’àit ’am bheil an t-eòlas so r’a fhaotainn? Tha ann am focal Dhé, agus an sin a mhàin. ’Se so “an aon riaghailt sdiùraidh gu ar seòladh cionnas a dh’fheudas sinn Dia a ghlòrachadh, agus a mhealtuinn.” Se so a mhàin a tha leigeadh ris dhuinn slighe an [TD 154] dleasnais, agus na diadhachd. Tha leabhraichean cràbhaidh eile féumail, agus tha mìneachadh dhaoine fòghluimte féumail; agus tha teagasg mhinisteirean féumail, mar chòmhnaidhean gu focal Dhé a thuigsinn. Ach ma tha iad a tighinn gearr air brìgh an fhocail sin a dheanadh soilleir—ma tha iad a dol os-ceann nan nithean a tha sgrìobhta ann, agus gu sònruichte ma tha iad a dol na aghaidh, ’sa bheag, no ’sa mhòr, cha’n ann gu maith, ach gu cron a tha iad; agus cha chòir géill air bith a thoirt dhoibh. Ach an uair a their gach seòrsa, gu’m bheil am barailean féin a réir focail Dhé, ciod am féum do dhaoine ’bhi rannsachadh an fhocail sin a ghabhas tionndadh a null agus a nall? Tha iomad duine a’ reusonachadh mar so. Is ann leis an reusonachadh so a thug Eaglais na Ròimhe bho cheann fhada, am Bìobull bho’n t-shluagh gu buileach—ag ràdh nach b’ urrainn iad a thuigsinn gu ceart; agus a dh’àithn’ iad do gach neach, mìneachadh na h-Eaglais’ a ghabhail air an fhocal, mar an aon nì a bha tearuinte dhoibh. Mar so chuir iad an Eaglais no an Sagairt an àite Dhé—dhall iad an sluagh agus dhruid iad a’ mach bho cho-chomunn ri Dia iad; agus tha mòran anns a’ Ghàedhealtachd aig am bheil “an creideamh ann an gliocas dhaoine ’s cha’n ann an cumhachd Dhé”—a their mu na nithibh a tha iad a’ leanmhuinn, cha’n e gu’n d’àithn an Tighearn iad, ach “Thubhairt duine diadhaidh, no duine spioradail gu’n robh a chùis mar sud no mar so.” Tha so ro fhaoin, agus na eas-onoir mhòir do Dhia, agus tha’n t-aobhar arson am bheil daoine a seachnadh focal Dhé a rannsachadh air an son féin, ro lag, agus mearachdach. Tha Muinntir a tha, bho uabhar, bho chonnspaid, bho chaochladh aobhar a tarruinng barailean cearra, cronail, á focal an Tighearna. Ach am bheil thus’ air a shon sin ris an fhocal sin a sheachnadh, agus gun sealtuinn idir ris? Bu co maith dhuit a ràdhuinn a chionn ann an sgibe luinge, gu’m feud iomad fear aineolach, diorrasach a bhi ’g ràdh, gu’m bu choir a ghabhail so, a ghabhail ud, ’sa ghabhail ud eile a leantuinn, nach eil thu ri sealltuinn idir air a chàirt-iùil, no ri beantuinn idir do’n sdiuir, ach leigeil le d’ luing dol air faontraidh, ge b’e taobh a dh’iomaineas sruithean ’us gaothan i. Bu co maith dhuit a ràdh, a chionn gu’m bheil daoine le’n innleachdan a tarruinng puisein as a’ phòr is fallaine, nach deanadh tusa buil air bith de’n phòr sin am feasd. ’Se focal an Tighearn reul-iuil, agus riaghailt-sdiùraidh an anama, agus do réir, feumaidh tu do chùrsa ’ghabhail tre’n t-shaoghail so gu siorruidheachd; air neo cha dìlinn a ruigeas tu calamh na tearuinteachd. ’Se focal Dhé, fìor lòn, agus beatha ’n anama; agus mar a bi thu air do theagasg, us air do bheathachadh leis, cha ’n urrainn a’ bheag, no mhòr de shlainte, no do neart spioradail a bhi agad. Is iad briathran Chriosd a bheir spiorad, agus beatha do’n anam. Faic, Eoin. vi. 63. Is iadsan a mhàin a ni sinn glic a chum slainte; agus mar a gabh iad eadhoin, “comhnuidh annainn ’san uile ghliocas, agus thuigse spioradail,” cha teid sinn a steach do ’rìoghachd-san gu bràth—mar [TD 155] éisd sinn r’a ghuth, mar a coimhead sinn aitheantan—cha’n ann d’a chaoraich, no d’a shluagh sinn—mar a bi sinn ùmhal d’a shoisgeul, sgriosaidh e féin sinn le peanas sìorruidh. Faic ii Tessal. i. 7—9. Uime sin “rannsaichibh na Sgriobturan;” oir annta-san gheibh sibh briathran na beatha. Gus an lagh, agus an fhianais, leis gach gniomh, gach beachd, agus gach barail—mar ’eil iad da réir sin—air falbh leo. Na tugaibh àite no géill air bith dhoibh. Faic Isa. viii. 20. Tha daoin’ a’ fìaradh an Sgriobtuir gu an sgrios féin. Tha daoin’ ann a thuislicheas aig a mheadhon là. Cha’n ann aig an Sgriobtur, no aig a ghréin a tha coire dhe sin. Tha solus aca le chéile gus gach neach a shoillseachadh a dh’iarras soillse uatha: agus tha solus na Fìrinn a cheart co féumail do shùil an anama, ’sa tha solus na gréine do’n t-shùil nàdurra. Bithidh sinn ’na dhéigh so a’ leigeil ris, cionnas a tha sinn ri ruigheachd air seadh agus brìgh an Fhocail. Aig an àm, theireamaid, gu’n do gheall Crìosd Spiorad na Fìrinn d’ a dheisciobuill, gu an treòrachadh a chum gach fìrinn. Eoin, xvi. 13. Ann an irisleachd ’us ann an tréibhdhireas, tagraibh an gealladh so, agus “gheibh sibh solus a’ dealradh oirbh á measg dorchadais.” Chi sibh solus ann an solus an Tighearna gu soilleir. Faic Salm. xxxvi. 8. Ach thugaibh an aire gu’m bi sibh cuimhneach air crìch ar bith, agus gur e focal Dhé a bhitheas na lòchran do gach céum—na sholus do ’ur cosaibh. Salm cxix. 105. II. COMHRADH—FEAR A’ GHLINNE, AILEAN BAN, AGUS AM MAIGHSTIR SGOILE. Ailean Bàn. Tha sibhse fhir a’ ghlinne air ’ur céum a dh’ionnsuidh na féille, ’s cha ’n iongantach leam e, ’s ann agaibh fèin a tha ’n gnothach ann. Chunnaic mi na daimh mhòra ’n diugh a’ tighinn a’ nall troimh ’n mhonadh, ’s neo-’r-thaing mar d’ fhuair iad geamhrachadh maith. Fear a’ Ghlinne. Cha ’n ’eil iad gu h-olc, ach dh-fheudadh iad a bhi ni b’ fhearr. C’àit’ am faca tu iad? A. B. Bha iad a’ gabhail seachad air Ald-na-Bèisde, ’s tha mi ’deanamh dheth nach ’eil iad fada ’o fhaiche na féille. Bha Sasunnach mòr ’s a thopman a’ gabhail sàr bheachd orra. B’ fhurasd’ fhaicinn gu’n robh a shùil annta. F. G. Ciamar a tha fhios agadsa gu’m bu Shasunnach e? A. B. Matà b’fhurasda sin fhaicinn air a phluic, ’s air a shaill, gun tighinn air casag odhar nam putan’ mòra, agus bòtainnean nach faca mise riamh an leithid ach air Sasunnach. Agus dh-innis an dròbhair Buidhe ’bha ’g iomain a chuid ghamhnadh biorach, grànnda fèin gu’m bu Shasunnach è; agus dh-innis è ainm ’sa shloinneadh dhomh, ma dh-fheudar sloinneadh a ràdh ris, ged nach [TD 156] ’eil de mheodhair agamsa na chuimhnicheas e. Cha b’ iongantach leamsa ged robh na daimh aige mu’n ruig sibhse. Tha mi cinnteach gu’m b’ aithne dhuibh fhéin e. Tha iad ag ràdh riumsa nach ’eil duin’ is creideasaiche na e a’ seasamh “Monadh nan Coileach.” F. G. Ma ghabhas e iad air na chuir mise mu’n coinneamh ’s e làn-dith a bheatha, ’s cha mhise ’bhios a’ talach. A. B. Cha’n ’eil fhios a’m—’s e talach fasan an t-saoghail. ’S tearc ri fhaotainn esan a nis nach bi a’ talach. Ma ’s e mo ghoistidh am Maighstir sgoil’ an so—duine co ciallach, shocrach ’sa tha ’s an dùthaich bithidh e ’talach nach ’eil na sgoileirean a’ togail gach fòghluim mar a dh-fheudadh iad; agus bithidh sinne ’talach nach ’eil e ’sparradh annta mar a dh-fheudadh e. Bithidh mise ’talach gu’m bheil a’ bhean trom air an tea; agus ise ’talach ormsa arson na bheil mi ’cur anns an Tombaca. ’S ma ’s e ’m ministir féin—an duine còir! Cò ’s teom’ air talach na e féin a nis ged is minic a tha e ’g innseadh dhuinn le glòir mhilis nach bu chòir do dhaoine ’bhi ’gearan.—An cuala sibh e Di-dònuich sa ’chaidh—nach e ’thug dhuinn e! F. G. Matà cha ’n ’eil thu fada ’m mearachd Ailean. Cha dubhairt e urrad ’n uair nach b’ àbhaist duinn dad air bith a thoirt seachad; ach tha ’m ministear coltach ri daoine eile, mar is mò ’gheibh iad ’s ann is mò ’dh-iarras iad. Ach ciod a tha ’m Maighstir-sgol ag ràdh? M. S. Tha mise gu fìrinneach ag ràdh ruibh ’o na chuir sibh mu’m choinneamh e, nach cuala mi ’n duine còir riamh le barrachd tlachd na air a’ cheart là ud, ’s cha b’ iongantach leam ged robh e ’talach—cha b’ ann gun aobhar. A. B. An cluinn sibhse mise Fhir a’ Ghlinne, tha gach ministear as maighstir sgoil’ fo’n aon tearr ’s fo ’n aon chomhara-cluaise. Seasaidh am ministear am maighstir sgoil’, ’s am maighstir sgoil am ministear. Dìreach mar a ni ’m Bàilli ’s am maor; ach coma co dhiù, am bheil thu da rìreadh am barail gu’n do thoill na Gàedheil an t-achmhasan a thug e dhoibh. Cò aig an fhearr fios na e féin co bochd ’s a tha iad, ’s co eu-comasach ’sa tha e dhoibh cuideachadh a dheanamh anns na cùisean ud a chuir esan m’ an coinneamh a thaobh dhaoine dubha, a’s ruadha air nach cuala sinn riamh roimhe iomradh—a tha taobh eil’ an t-saoghail? Thug mi féin beagan air sgàth mo nàire ’s nach ’eil a nis comas air “ladar na bleid” a chur seachad bho ’na thainig na Foirfich ùra so oirnn. M. S. ’O na thòisich sinn air a chùis matà leanamaid a mach i. Innis domh a nis gu pongail gu de urrad ’s a thug thu seachad. A. B. Cha tig do dhaoine ’bhi ’bòsd as na bheir iad seachad; ach innsidh mi dhuit mar a thachair. Bha bonn shea sgillinn’ agam eadar mo chorrag as m’ òrdag mar a b’ àbhaist da; ach chaill mi greim oirre ’nuair a thug mi mach mo lamh a ghabhail snaoisein, ’s an uair a chaidh mi air a toir thainig bonn mòr sgillinn ’s an rathad agus smaointich mi gu’m foghnadh e, ’s gu ’m feudainn an t-sea sgillinn a ghleidheadh arson na féille.—’Sin agaibh smior na fìrinn. [TD 157] M. S. Tha mi ga d’ làn chreidsin, agus is dòcha nach seas i ’n cosgas an diugh air an fhéill. A. B. Matà bu leibideach an gnothach na’n seasadh: ’s dòcha gu mòr gu’n caith mi leth-dusan d’a seorsa mu ’n tig mi dhachaidh. M. S. Innis domh ciamar? A. B. Tha dìreach mar a thogras mi féin. Choisinn mi iad le fallas mo ghruaidhe ’s tha còir agam air an cosd mar a chi mi iomchuidh. M. S. Ro mhaith—’s e do thoil, ’s do thogradh féin riaghailtean do sdiùraidh. Am bheil thu idir am barail gu’m bheil cunntas agad r’a thoirt Dhàsan a tha ’toirt comas cosnaidh dhuit ’s gu’m bi cunntas co cruaidh air agairt arson a’ bheagain ’s a bhios arson a’ mhòrain— A. B.—Air t-athais a’ ghoistidh—na teannaich orm dìreach co cas. ’S e tha mhiann orm a’ ràdh nach cuir mi gu droch bhuil a’ bheag de na th’ agam. M. S. Seadh matà—nach cosd thu sea sgillinn’ ann am bùth Eachuinn-nam-buideal an diugh? A. B. Cha’n abair mi nach cosd, as ma-dh-fheudta ’m barrachd; ciod e dheth sin? M. S. Nach toir thu faidhrein do chlann a’ mhaoir, ’s do mhac a’ ghobha, agus ’s dòcha do d’ mhac féin cuideachd? A. B. Tha mi ’creidsinn gu’n tabhair ’s cha bhi mo shùil ’na dhéigh. Bha sinn féin ’n ar balachain roimhe so, ’s cha dhì-chuimhnich mi gu bràth mo shodan air là na féìlle. M. S. An ceannaich thu aran cruithneachd do’n mhnaoi, agus ribein do chaileig laghaich nan dualan buidhe? A. B. Matà ni mi sin, agus cnaipeanan, no ma thogras tu grìogagan do’n té bhig, agus ma-dh-fhéudta beagan snaoiseinn do ’n t-seana mhnaoi. M. S. An tig an spliùcan féin dhachaidh falamh? A. B. Cha ’n àbhaist dà air là féille; ’s gu dearbh ged a bha am ministear co àrd bhriathrach ’n ar n-aghaidh Di-domhnuich, ma thachras an gille beag a mhac orm, bithìdh an aon sgian-pheann aige ’s boidhche air an fhéill.—Agus a nis a ghoistidh cum do theanga, mu ’m fàg thu ’n fhaiche ’nochd bithidh aon leth-bhodach eadar ruinn; air neo bithidh tuille eadar ruinn. M. S. Dìreach Ailein mar a shaoil mi. Leig dhomh a nis cunntas gu dé an t-suim a thig gach rìomhadh de’n t-seòrsa so. A. B. Tog de d’ chunntas a dhuine! Cum sin ris na sgoileirean, agus leig le Ailein Bàn aon latha bhi aige dheth. M. S. Matà cha leig, ’s tu féin agus fear a’ Ghlinne a thòisich air a’ ghnothach. Cha mhisde sinn suidhe tacain beag ’an so aig tobar nam meirleach, agus rannsaicheamaid a’ chùis so:—“Am bheil a’ Ghàedhealtachd cho bochd ’s nach urrainn i ’bheag no mhòr a dheanamh gu co-roinn anns na sochairean prìseil a tha aice féìn a thoirt dhoibhsan air am bheil iad a dhìth?” A. B. Tha mi làn thoileach t-éisdeachd; ’s mar ’eil mi meallta [TD 158] cha mhisde le Fear a Ghlinne ’anail a tharruing an déigh an uchdach so féin a dhìreadh. Tha e ’n dara cuid air fàs na’s faide ’s nas caìse na bha e, no tha ’n anail ’s an uchd agamsa air fàs nas giorra; ach gabh air t-adhart. M. S. Cha sàraich mi d’ fhoighidinn. Innis so dhomh. Nach prìseil os ceann gach nì eile eòlas na fìrinn—eòlas air an Tì àrd a chruthaich sinn, agus air-san a thainig gu ar tearnadh? Nach prìseil am Bìobull ’s an t-eòlas a tha ri fhaotainn uaithe? A. B. Ud! ud! a’ mhic-chridhe cha ’n ’eil teagamh air a’ sin. Cò ’s urrainn cur an aghaidh na cùise sin? M. S. Nach bu mhiann leat matà gu’n robh an t-eòlas so aig a’ h-uile aon air aghaidh an t-saoghail? A. B. ’S ann leam bu mhiann, agus bu chòir gu’n teagamh air bith, còmhnadh anns an eòlas sin a thoirt seachad a bhi air a dheanadh leòsan aig am bheil an comas. Ach ’s i ’chùis ciod a’s urrainn dhuinne ’dheanadh? M. S. Is urrainn do na h-uile aon beagan a dheanadh; agus is ainneamh e nach b’ urrainn a làmh a shìneadh gun ana-cothrom air bith a thoirt dha féin. Tha mi ’g aideachadh gu’m bheil an sgìreachd so bochd, mar a tha ’chuid a’s mò de sgìreachdan na Gàedhealtachd aig an àm. Ach nach aidich thu as a’ mhìle pearsa a tha ’chomhnuidh innte gu ’m feudadh iadsan a thainig gu aois cosnaidh, ’s e sin aig a’ chuid a’s lugha dara leth an iomlain—no cuig ceud pearsa—sgillinn ’s a mhìos—’s e sin tasdan ’s a bhliadhna, a thoirt seachad gun an suil a bhith na dhéigh? An saoil nach ’eil dà fhichead a dh-fheudadh leth-chrùn ’s a’ bhliadhna a thoirt seachad? Agus nach aithne dhuit triùir, no cheathrar a dh-fheudta ainmeachadh a tha murrach nas leòir gu punnd Sasunnach ’s a’ bhliadhna a thoirt seachad? Thigeadh so uile gu suim mhaith—ro dhlùth air dà phunnd dhéug thar fhichead Sasunnach (£32.)—ni a bhiodh cliùiteach do’n sgìreachd, a bhiodh gu mòr mhaith do iomad anam neo-bhàsmhor, agus cha’n fhair’eadh aon duine ’fad na sgìreachd e féin na bu luime, no na bu bhochduinne air a shon so aig ceann na bliadhna. A. B. Dà phunnd deug thar fhichead Sasunnach! Cha b’ e am beag ’s na h-amannaibh cruaidhe so. Ach an saoil mi féin an ann da rìreadh a tha fear ’ur tuigse, ’s ’ur còta-sa a’ comhdach ormsa gu’n gabhadh £32 cruinneachadh ’s an sgìreachd bhochd so; no na’m biodh e air a chur air falbh aisde nach tugadh e lomadh mòr air iomadh aon a tha lom na leoir cheana? M. S. Ga chomhdach ort a dhuine! Nach ’eil dearbh chinnt agad gu’m bheil a dheich urrad so ga chruinneachadh innte, ’s ga chur air falbh aisde gach bliadhna; agus sin arson aobhair a tha ìosal, suarrach, milteach air ioma dòigh? A. B. Ud! ud! ’s ann a tha ’choslas oirbh brath amadain a ghabhail orm an diugh gu buileach. Cha ’n ’eil cinnt no fios agam gu’m bheil a’ chùis mar a tha sibh ag ràdh. Ciod an cruinneachadh mòr air am bheil sibh a’ tighinn marso? [TD 159] M. S. Tha mise làn ullamh gu dhearbhadh dhuit là air bith a thogras thu gu’m bheil còrr agus ceithir cheud punnd Sasunnach ’s a bhliadhna ga chosd air uisge-beatha ’s an sgìreachd, gun ghuth air na bheil air a thilgeadh air falbh air Tombaca, ’s air faoineis eile—nithean a tha gun mhaith fo’n ghréin—nithean a tha cronail do’n chorp ’s do’n anam. A. B. Ciod e air barail air a so Fhir a Ghlinne? F. G. Tha mi co cinnteach ’s a tha mi beò gu’m bheil smior na fìrinn aige—agus mar ’eil e fuidhe cha ’n ’eil e idir os a cheann. Tha dearbh chinnt agam gu’n do reic iad ’s an tigh ud shìos còrr as dà fhichead buideal am bliadhna, ’s cha robh fear dhiubh sin gun fhichead pinnt. A. B. Cha ’n ’eil dol nas faid agam ma tha sibh le chéile air an aon sgeul; ’s cha ’n ’eil teagamh nach b’ fhurasda an dà phunnd déug thar fhichead Shasunnach a chruinneachadh mar a tha ’m Maighstir-sgoil’ ag ràdh. Ach ciod a dheanadh sibh leis an déigh a chur cruinn? M. S. Roinninn e na chuig earrannan, arson nan nithean sin a chur air an aghaidh a bha ’m Ministear ag ainmeachadh an dé. Bheirinn earrann air son sgoilean a chur a suas far am bheil an sluagh aineolach agus bochd. An taitneadh sin riut? A. B. Taitnidh gu ro mhaith. Ach nach ’eil e mar fhiachaibh air uachdarain an fhearainn sgoilean a chumail ’suas? M. S. Tha e mar fhiachaibh orra aon sgoil a ghleidheil ’s gach sgìreachd ’s tha iad ga dheanamh sin.—Ach màr biodh tuille na sin air a dheanadh bu bhochd cor na dùthcha. Nach beag féum a dheanadh aon sgoil do sgìreachd a tha leth-cheud mìle air fad mar a tha ioma sgìreachd ’s a’ Ghàedhealtachd? Cia mar a bhiodh an t-àite so féin mar a biodh agaibh ach an sgoil sgìreachd a tha aig a’ chamus ud shìos air nach urrainn dara leth an t-sluaigh ruigheachd latha ’s a’ bhliadhna; agus c’àit am bheil a’ chlann agad féin a’ faghuinn an ionnsachaidh? A- B. Matà tha ’an té de na sgoilean ùra so—sgoilean na h-Eaglais, no na h-Assembly mar a their sinn riu ’am bitheantas. Agus is maith is fiach i a gleidheil a suas. Gu dearbh bheir mi mo thasdan ’s a’ bhliadhna air a’ sonsa gu suilbhir—bheir, bheir,—agus bha mi cearr ann an cur ’n ar n-aghaidh co buileach. M. S Seadh, agus nach tugadh tu sgillinn no dhà arson iompachadh Israel—seann sluagh Iehobhah? A. B. Matà cha robh mòr bhàigh agam ris na h-Iudhaich riamh gus an do léugh mi na chuireadh a sios ’s an “Fhear-thathaich.” Ach tha mo chridhe a’ taiseachadh do ’n taobh a nis: agus bu mhaith leam gun teagamh cuideachadh ann an aobhar co maith ri Israel a thional a rìs gu Sion. M. S. Ro mhaith Ailein, agus am bheil cuimhne agad air a’ bheag de na thubhairt am Ministear mu ar luchd-dùthcha ’s ar daimhich féin ’an coilltibh fàs America—’s an eileinibh cian a’ chuain, far nach do bhriseadh sàmhchair eagalach na fàsaich riamh [TD 160] le seirm thiamhaidh cluig na h-Eaglais, no le fuaim bhinn nan Salm? Nach deanadh tu beagan a chur an t-Shoisgeil—a chur mhinisteirean diadhaidh do’n ionnsuidh-san? A. B. Matà cha ’n e am beag ach am mòr na ’n ruigeadh mo chothrom air. Is iomad dlùth-charaid a tha agam ’s na cearnaibh sin: agus mo thruaighe! is deuchainn gu leòir dhoibh a bhi air an iomain ’o ’n tìr-dhùthchais—a bhi air an sgapadh ’am measg nam fàsach farsuing ged nach biodh iad air am fògradh ’o thigh an Tighearna—agus air an druideadh a mach ’o chomhfhurtachd ’s ’o ùrachadh nan òrduighean. Gabhaibh mo leth-sgeul—cha do smaoinich mi air ciod a bha mi ’g ràdh. Cha do smaoinich mi gu dearbh. M. S. Tha an cor-san cianail gu leòir gun teagamh: ach nach ’eil iomad teaghlach ann an glinn mhonadail na Gàedhealtachd, ’s ann an eileinean fangail, do ’m bheil e duilich, mar ’eil eu-comasach ruigheachd air searmoin, no òrdugh, ré na cuid is mò de ’n bhliadhna. A. B. Tha ’n leithidean sin tuille ’s lìonmhor gu dearbh. M. S. Tha, agus anns na bailtibh-mòra cuideachd far nach faighear deoch de’n uisge, no àite suidhe ’an eaglais gun phàigheadh, tha na ficheadan mìle nach ruig an cothrom air a’ phàigheadh so, agus aig nach ’eil déigh air an Eaglais, no air maitheas sam bith ’eile, mo thruaighe! ’S nach maith a’ bhuil do d’ airgiod ministeirean a chur do ’n ionnsuidh so?—do ghlinn na Gàedhealtachd, agus do chaol-shràidibh nam bailte margaidh? agus ’s e so an ceathramh nì a chuir am Ministear m’ ar coinneamh. A. B. Tha e iomchuidh gu leòir tha mi ’creidsinn; ach cha ’n fhéud nach stad sibh le’ sin féin. M. S. Stad thusa an toiseach.—Agus a nis an e an déigh dhuit co-aontachadh an fhad so gu’n seas thu a mach an aghaidh cuideachadh ’chum eòlas na fìrinn a chur a dh-ionnsuidh nan Cinneach bochda taobh eile an t-shaoghail, a tha fathast ann an dorchadas, agus fo sgàile a’ bhàis—daoine, biodh iad dubh, no geal, no ruadh a chruthaicheadh leis an aon Dia a chruthaich sinne, agus daoine aig am bheil anama prìseil a bhiodh a chearta co dealrach ann an coran glòir’ an Fhir-shaoraidh ri ’r n-anaman-ne. A. B. Tha sin maith gu leòr a Ghoistidh; ach ’s i mo bharail-sa gu’m bheil mòran r’ a dheanadh aig an tigh; agus barrachd ’s is urrainn daoine ruigheachd air gun dol do rìoghachdan céin air tòir nan Cinneach ’s nan Innseannach ris nach ’eil dàimh no dleasnas aguinn is aithne dhòmhsa. M. S. Fòil bheag a nis Ailein! Thoir thusa so leat—gu’m bheil ann an innsibh na h-Aird-an-ear amhàin, sea fichead ’s a deich muillein (130,000,000) sluaigh fo ’n aon chrùn ruinn féin ann an tìr as an tainig barrachd beairteis a dh-ionnsuidh Bhreatuinn na á aon chearna eile de’n t-shaoghal, agus buidheachas do ’n Tighearna tha camhanaich latha glòrmhoir an t-soisgeil cheana ’briseadh thar fàire na h-Aird-an-ear. Tha teampuill nan iodhalan truaillidh air an tréigsinn. Tha ’n luchd-aoraidh a’ faireachd- [TD 161] uinn cia falamh, fàs ’s a tha iodhoil mar dhòchas. Tha mìltean dhiubh a thionndaidh cheana ris an Dia bheò; agus tha na mìltean ag éigheach ri Breatunn arson cobhair as còmhnaidh ged nach ’eil fios aca gu ro mhaith ciod a cheart chobhair a tha ga’n dìth; agus gun teagamh air bith tha e mar fhiachaibh oirnne a’ chobhair so a thoirt dhoibh. A. B. Tha e uile glé mhaith do’n fheadhainn a thogras a dheanadh, ach cha’n fhaic mi ciamar a tha e mar fhiachaibh air daoine—agus gu h-àraidh cha bhiodh mòr chabhag orm a dhol co fada air asdar le m’ airgiod no le m’ chobhair gus am biodh na bu lugha ’dh-fhéum orra dlùth ’làimh. Cuiribh cùisean ’an òrdugh aig a’ bhaile mu ’n téid sibh do’n bhaile ud thall. ’“S e ’leanaibh féin is luaithe a bhaisteas an Sagart,” agus tha’n duine còir gle cheart; dheanainn féin a’ leitheid eile ’s tha mi ’n duil gu’n deanadh a h-uile duine tuigseach mar sin. M. S. Stad a nis Ailein. Tha e iomchuidh gnothaichean a chur an òrdugh aig an tigh. Tha anabàrr r’ a dheanadh ann, ’s cha deachaidh an fhicheadamh cuid a dheanadh a bu chòir a dheanadh. Ach cuimhnich so, gu’m bheil Criosd ag iarraidh ort an soisgeul a dheanadh aithnichte, cha ’n e ’mhàin aig an tigh ach do gach dùil fo nèamh. Agus a thaobh nam fiachan, tha mi ’g aideachadh gur fiachan iad nach urrainn dhomhsa, no do dhuin’ eile a thoirt dhiot, no ’thagradh air beul a bhreitheamh shaoghalta, no le lagh dhaoine: ach tha Breitheamh a’s Lagh nas àirde ann. A. B. Ma-dh-fheudta!! M. S. Innis so dhomh. An robh e mar fhiachaibh air muinntir nan Innsean ’n ear no ’n iar còmhnadh a dheanamh leis na Gàedheil an uraidh ’an àm an airc? Ciod an lagh a thug orrasan—a thug air Gaill as Sasunnaich co maith rìutha-san—a liutha mìle punnd Sasunnach—ceud-gun-leth mìle—a chur cruinn air an son-san nach faca iad sealladh riamh dhiubh, ach a bha ’togail caoirean bochd an acrais ’s na gort’ air feadh na tìre gu léir? Ciod an lagh a bha ’so Ailein? A. B. Tha mi ’faicinn gu’n do chuir sibh ri bealach glé chumhann mi. M. S. Nam faiceadh tus’ Ailein duine ’na sheasamh air cas-chreig àird ag amharc mu’n cuairt dha gun suim, gun chùram—a dhà làimh paisgte air uchd am feadh ’s a bha mòran leanaban a’ ruith seachad air ’s a h-aon an déigh a chéile ’sleamhnachadh as an t-sealladh thairis air bile na creige mòire, gun fhios aca air an cunnart, no air a bhàs eagallach a bha ’feitheamh orra—agus esan suarrach mu’n déighinn—gun urrad as aon fhocal a labhairt a thoirt rabhaidh dhoibh, no gu’n cur na’n earalas.—Nach ruitheadh tu ’suas le corruich a’ d’ chridhe ag ràdh, “Carson nach tug thu rabhadh dhoibh? Carson nach do chuir thu grabadh orra? Carson nach do thog thu ’suas do ghuth gu h-àrd ’s nach do thearuinn thu iad ’o ’n bhàs?” Na ’n canadh esan riut, “Cha robh e mar fhiachaibh ormsa rabhadh a thoirt dhoibh, no innseadh gu’n robh [TD 162] iad a’ ruith gu sgrios, cha bu dàimhich dhomh iad.” Ciod e a bharail a bhiodh agad air an duine sin? A. B. A bhéisd! an Uile-bhéisd gun ’iochd, gun truas! Bu chòir e féin a thilgeadh thairis.—’S e thoill e. M. S. Seadh, bha mi ’smaointeachadh gur h-i sin a’ bhinn a bheireadh tu seachad, agus a nis nach aidich thu gu’m bheil e mar fhiachaibh air na h-uile Criosduidh rabhadh a thoirt do ’n t-saoghal.—’S e sin a tha Criosd ag ràdh. Càireadhmaid sinn féin—’an smaoint’—ann an làthair àrd Bhreithimh an t-saoghail, an uair a tha Ghall-tromp dheireannach air a séideadh, agus a’ gairm air sluagh an domhain uile seasamh a suas arson am Binn éisdeachd—agus càireadhmaid sinn féin—’n ar n-inntinnibh—air deas-làimh Mhic Dhé ’am measg sreathan nan naomh sin aig am bheil na trusgain gheala; agus air dhuinn beachdachadh air a bhuidhinn bhochd, bhrònaich a tha air an làimh chlìth—uamhann, as geilt ri ’m faicinn air an gnùis—na ’n cluinneamaid an gearan, ’s an tagradh eagallach so a’ tighinn uapa “Oh! éisdibh sibhse ’n sin gu h-àrd—éisdibh! Bha fios agaibh gu’m b’ i so a’ bhinn a bha ’feitheamh oirnne—ach cha d’ innis sibh e. Bha e ’n ur comas eòlas a thoirt dhuinn; ach cha d’ rinn sibh e—am Biobull a chur do ’r n-ionnsuidh; ach ghleidh sibh air ais e—searmonaichean dìleas a chur chugainn; ach cha do chuir sibh ann iad!” an saoil thu Ailein cia mar a fhreagradh e dhuinn a ràdh “Cha robh e mar fhiachaibh òirnn”—agus an sin air dhuinn an t-sùil a thionndadh air aghaidh an t-Slànuighfhir a’ dealradh mar sholus nèimh, gu ’n cluinneamaid esan ag ràdh, “An robh e mar fhiachaibh ormsa ionad-còmhnuidh na glòir’ fhàgail—dol a dh ionnsuidh an t-saoghail mar naoidhean maoth ’am Bethlehem—agus bàsachadh air a’ chrann air son sibhse a thearnadh.—An robh so ‘mar fhiachaibh’ orm?” Oh! Ailein, Ailein cuir a’ chùis ri d’ chridhe ’s ri d’ choguis ciamar a dh-éisdeadh tu ri ’bhriathran—nach tuiteadh tu gu làr le nàire—nach criothnaicheadh tu le oillt mar gu ’m biodh tu air do bhualadh le tein’-adhair as na h-àirdibh? A. B. Na h-abraibh focal tuille a’ Ghoistidh.—Na canaibh smid a bharrachd. An ath uair a bhios cruinneachadh arson na cùise so ’s an sgìreachd deanaibh air mo shonsa mar is àill leibh—deanaibh, deanaibh. T. III. CUNNTAS MU CHOINNEAMH ARD-SHEANAIDH EAGLAIS’ NA H-ALBA. THA nis dlùth air trì cheud bliadhna bho na choinnich ceud Sheanadh Eaglais ath-leasáichte na h-Alba ann an Ceann-bhaile na rìoghachd. Is iomad uair a chaidh an sgapadh ’o ’chéile. Is iomad bliadhna ’chaidh am bacadh tré fhòirneirt ’o chruinneachadh. Is [TD 163] ioma strì agus spàirn a rinneadh le daoine glice, diadhaidh, cumhachdach gu comas fhaghuinn coinneachadh mar Ard-sheanadh, agus riaghailtean, as reachdan a thoirt do ’n Eaglais a réir saorsa an t-soisgeil—a réir inntinn Chriosd. Cha robh saothair nan daoine foghainteach so ’an dìomhain. Ged is minic a thilgeadh a sìos iad ghrad dh-éirich iad—a réir an t-shuaicheantais a ghabh iad arson na h-Eaglais’—am preas a’ lasadh le teine, ach gun a bhi air a losgadh—ged a bha iad ’am measg nan lasraichean cha do chaitheadh as iad. Fhuair iad fa dheireadh còraichean na h-Eaglais’ a shocrachadh air stéigh sgriobturail, agus laghail; agus bho àm iomain air falbh nan rìghrean Stiùbhart—a nis mu ochd-fichead bliadhna tha Ard-sheanadh ar n-Eaglais’ a’ coinneachadh ann an Dùn-éidinn gu riaghailteach aig toiseach gach samhraidh. Ged nach tainig mòr dhéuchainn ’o ’n leth-muigh air ar n-Eaglais bho ’n àm ud is aithne do gach aon gu’n tainig mòran oirre ’o ’n leth-stigh; agus bho cheann tuaiream air ceud bliadhna gu’m bheil mòran a bhuineadh aon uair d’ a comunn féin, ach a dhealaich rithe a’ sìor éigheach na h-aghaidh—a’ sìor strì r’ a cur fodha le doininn na co-strì ’s na h-iorghuill. Tha aobhar taing aguinn gu’m bheil i fathasd a’ snàmh air na h-uisgeachan—fathasd a’ marcachd nan tonn—agus tha sinn ’an dòchas gu’m mair i marso, mar àirce tearuinteachd dhoibhsan uile a tha ’n tòir air an fhìrinn, agus air fìreantachd. Theireadh a’ cheud fheadhain a dh-fhàg i gu ’n d’ fhàg gach maitheas, gach mearsuinn, ’s gach gràs i ’n uair a dh-fhalbh iad féin. Theireadh an ath-fheadhain an nì ceudna. Bha ’n aon cheileir aig gach buidhinn a dh-fhàg i a nuas gus an latha’n diugh. A nis theireamaid le fìrinn gur h-e dùrachd ar cridhe a thaobh na muinntir a dh-fhàg i, mar a thaobh gach neach—gu’ n robh sìth agus sonas air am meudachadh dhoibh, agus cha ’n ’eil sinn ’dol a ràdh urrad agus gu’m b’ olc a rinn iad ’n a tréigsinn. Ach aon nì a tha làn dearbhta gu’n robh Eaglais na h-Alba na beannachd mòr do’n rìoghachd ann an nithibh aimsireil, agus spioradail bho cheann bhliadhnachan agus linnean—gu ’n robh i mar so an déigh iomad aon dealachadh r’ a comunn; agus maireadh i mar a bha i agus a tha i—a’ sgaoileadh eòlais na fìrinn feadh na dùthcha—a’ searmonachadh Chriosd ann an lànachd a ghràis—“a’ cur an ceill uile chomhairle Dhé do pheacaich,”—pailt ann an oibribh na seirc’ agus a’ mhaitheis; agus gun teagamh bithidh i na beannachd, agus bithidh i beannaichte. Cò air bith a dh-fhàgas i cha ’n fhàg a Rìgh agus a Ceannard i, ach gleidhidh e a suas i gu ’obair féin a chur air a h-aghaidh anns an t-saoghal—eadhoin obair a’ chreidimh, agus na naomhachd. Chruinnich an t-Ard-sheanadh air a’ bhliadhna so air Di’r-daoin an t-ochdamh là déug de cheud mhìos an t-shamhraidh (18th May); agus bheir sinn a nis cunntas ath-ghearr mu’n dòigh anns an d’ rinneadh a’ choinneamh a suas, agus mu na cùisean a thainig fa ’n comhair ’o là gu là. Tha ceithir fichead Presbytery (no cléir) agus a dhà ann an [TD 164] Eaglais na h-Alba (82), agus tha iad so a’ taghadh gach bliadhna, gach Presbytery a réir an àireamh, dà cheud agus ceithir thar fhichead de mhinisteirean (224), agus ceithir fichead ’s a naoi-deug (99) de Fhoirfich gu seasadh air an son ’s an Ard-sheanadh. Tha seachd as trì fichead (67) de bhailtean-rìgh, mar a theirear riuth (Burghs), a tha ’cur Foirfich an aon ann air an son féin. Tha cuig Oilthighean (Uneversities no Colleges mar is trice ’theirear riuth) a tha ’cur Ministeir, no Foirfich ann, agus tha ’n Eaglais ann an Innsibh na h-Aird-an-ear a’ cur Ministeir agus Foirfich ann. Thig an àireamh so gu léir gu trì cheud, ceithir fichead agus seachd déug (397). A rithis tha ’n Rìgh, no ’Bhan-righinn a’ cur duin’-uasail, no Moraire a dh-ionnsuidh na Coinneamh mar am fear-ionaid féin. ’Se Iarla Belhaven do ’n tugadh an dreuchd so air a’ bhliadhna so. Thainig esan a stigh do Dhùn-éidein le mòr ghreadhnachas, agus liubhair uachdarain a’ Bhaile iuchraichean a’ Bhaile dha mar shamhladh air an umhlachd ’s air an dìlseachd do ’n Bhan-righinn. Chaidh e ’an sin mar a tha e cleachdta, do lùchairt rìoghail Holyrood far an do chruinnich mòran de uaislean, agus de mhaithean na tìre gu fàilte ’chur air. Bho ’n lùchairt chaidh e do Eaglais Aird Dhùn-éidinn far an robh aoradh follaiseach an Tighearna air a ghleidheil air aghaidh a réir reachd, agus nòis le Ceann-suidhe (no Moderator) an Ard-sheanaidh. ’S e Dr. Paul, fear de Mhinisteirean Dhùn-éidinn, aig an robh an t-urram so air a’ bhliadhna ’chaidh seachad, agus shearmonaich e air mhodh ro dhruighteach ’o cheann-teagaisg ann an Gniomh. xv. 41. An déigh an t-sheirbheis so a thoirt gu crìch chruinnich an t-Ard-sheanadh ann an té eile de na h-Eaglaisean a tha air a cur air leth mar thigh-coinnimh an t-Sheanaidh, agus ’s e a’ cheud nì a rinneadh an so a’ chùirt a bhi air a suidheachadh, no air a fosgladh le ùrnuigh leis a Cheann-suidhe, Dr. Paul. ’S e ’n ath nì Ceann-suidhe (no Moderator) ùr a thaghadh—fear arson na bliadhna ’tha làthair, agus dh-aontaich a’ choinneamh gu léir ann an Dr. Buist—fear de Mhinisteirean Chill-rìbhinn, agus fear-teagaisg (Professor) ’s an Oil-thigh ann an sin—a chur air leth arson an dreuchd urramaich so. Co luath ’s a thaghadh esan ghabh e seilbh ’s a’ chathair anns am bheil am Moderator a ghnàth a’ suidhe, agus an sin léughadh ainmean na muinntir’ sin a chuireadh a dh-ionnsuidh na Coinneamh leis gach Cléir, agus gach aon aig an robh ùghdaras an cur ann. An déigh do ’n Ard-sheanadh a bhi marso air a dheanadh a suas le ùrnuigh ann an ainm an Tighearn’ Iosa Criosd, agus a réir riaghailtean na h-Eaglais’, léughadh an litir-bharantais a bha aig Iarla Belhaven gu tighinn an sin mar fhear-ionaid na Ban-righinn,—agus liubhair esan teachdaireachd ’o ’n Bhan-righinn a’ cur ’an céill gu ’n robh mòr dhuilichinn oirre arson nan deuchainnean cruaidh bho ’n robh lìonmhoireachd de shluagh na h-Alba a’ fulang air a’ bhliadhna so; ach gu ’n robh i earbsach gu’n deanadh an [TD 165] t-Ard-sheanadh gach nì a bhiodh glic, agus iomchuidh gu maith aimsireil, agus spioradail na dùthcha ’chur air aghaidh; agus, mar a tha e cleachdta bho linn Ban-righinn Anna, thug e seachad dà mhìle punnd Sasunnach (£2,000) arson eòlas an t-soisgeil a chur air aghaidh feadh Gàedhealtachd, agus eileanan na h-Alba. Na dhéigh so chaidh an t-Ard-sheanadh air an adhart a chur ghnothaichean ’an òrdugh arson gach cùis a bha ri tighinn fa ’n comhair a thoirt air am beul-thaobh gu riaghailteach, agus gu rianail—a’ cur buidhinn àraidh a shealtuinn an déigh a ghnothaich so, agus buidheann eile air chùl a’ ghnothaich ud eile. Shocraich iad an sin gu ’m biodh coinneamh ùrnuigh air a gleidheil air an dà fheasgar Shàbaid ré àm an Ard-sheanaidh, agus gu ’n cruinnicheadh Ministeirean agus Foirfich ’an sin a dh-iarraidh beannachd, agus sdiùradh an Tighearna. Na dhéigh so sgaoil an Seanadh gu cruinneachadh a rìs an ath là. Di-haoine 19eug.—Chruinnich iad mar a shocraicheadh; agus mar a bha cleachdta bho cheann fhada chaidh a’ chuid mhòr de ’n là so a bhuileachadh ann an aoradh sòleimte—ann an aidmheil pheacanna ’an làthair an Tighearna, ann an ùrnuighean dùrachdach arson maitheanas tré fhuil na réite, arson soluis, neart agus naomhachadh tré Spiorad nan gràs, agus cha robh aon duine ’bha làthair an uair a bha ’n t-sheirbheis so ’dol air a h-aghaidh nach aidicheadh gu ’m bu shòleimte, agus gu ’m bu drùighteach i. Di-Sathurna 20amh.—Air an là so thugadh cunntas do ’n Ard-sheanadh le Dr. Robertson—fear de luchd teagaisg (Professors) ann an Oilthigh Dhùn-éidinn mu na h-Eaglaisean ùra sin ris nach ’eil Sgìreachdan fathasd air an ceangal: tha e taitneach a chluinntinn gu ’m bheil aon, agus aon dhiubh sin ’g a ’n deanadh ’n an Sgìreachdan gu riaghailteach agus gu réith-bheartach, agus tha sinn ’an dòchas nach fad’ an t-àm gus am bi a’ chuid mhòr dhiubh mar so air an socrachadh. Chuir Dr. Hill, Professor ’an Oilthigh Ghlascho, mòran fhìrinnean cudthromach an céill mu ’n chor bhochd, agus dheuchainneach ’s am bheil an dùthaich air ioma dòigh—araon Galldachd agus Gàedhealtachd aig an àm, agus air iarrtas-san—nì anns an do cho-aontaich na h-uile—dh-òrduicheadh an dara Sàbaid de’n ath-mhios (July) mar là irisleachaidh agus asluchaidh an làthair Dhé arson nan deuchainnean fo ’m bheil mòran a’ fulang ’s na h-amannaibh so. Thugadh an sin fa chomhair na cùirt cùiséan Dr. Craig ann an Cupar Fife; Mhr. Reston, Cupar Angus; Mhr. Ireland, Paisley; agus Mhr. Blair Drymen—ministeirean a bhuineas do Eaglaisean eile mar a tha ’n Relief, United Presbyterians &c., agus a tha ’g iarraidh a bhi air an gabhail a steach do Eaglais na h-Alba. Dh-òrduicheadh gu’m biodh gach cùis dhiubh so air a’ mion-rannsachadh, agus cunntas mu gach aon diubh fa leth air a thabhairt fa chomhair an tighe air là eile. Di-luain 22ead.—Air an là so chaidh mòran a ràdh a thaobh na dòigh anns am bheil na Comuinn sin air an tug sinn iomradh anns [TD 166] a’ cheud àireamh de ’n Fhear-thathaich—Comunn nan sgoilean—nan Iudhach &c. &c., a sdiùradh nan gnothaichean a tha ’n earbsadh riuth, agus rinneadh atharrachadh air nì, no dhà a tha sinn ’an dòchas a lughdaicheas an cosdas a tha’n lorg an fhrithealaidh so. Cha ’n e gu’n robh coire air bith ga chur air a’ mhuinntir a tha aig ceann nan cùisean so. Cha robh duine nach robh ’cur an céill mòr thaing dhoibh, agus thoill iad e: oir tha iad aig mòr dhragh, agus saothair gun pheighinn air a shon; ach tha cosdas ann an airgiod a chruinneachadh as gach sgìreachd agus a roinn ’na liutha dòigh; agus ’s ann a’ feuchainn ris a’ chosdas so a tha ’n déigh Chléireach, agus luchd-frithealaidh a lughdachadh a bha ’n t-Ard-sheanadh. Thug Dr. Hunter, aon de Mhinisteirean Dhùn-éidinn, agus duine a tha iomraideach arson fìor chràbhaidh, cunntas do ’n Ard-sheanadh mu na bheil an Comunn sin de ’n Eaglais a’ deanamh a tha saoithreachadh arson eòlas an t-soisgeil a thoirt do na h-Iudhaich; agus tha ’n cunntas so taitneach air gach dòigh. Tha ministeirean, no Soisgeulaich aig Eaglais na h-Alba ann an caochladh chearnan de’n t-saoghal a’ strì ri “caoirich chaillte thighe Israel” a thional hun a chrò. Aig a’ cheart uair anns an do nochd an t-Ard-sheanadh a leithid de ghràdh do na h-Iudhaich ann a bhi ’strì ri ’n toirt gu eòlas na fìrinn thionndaidh iad an aire chum an reachd sin a bha sinn ag innseadh roimhe a bha feadhainn anns a’ Phàrlamaid ag iarraidh a dheanadh a thaobh aite-suidhe ann an Ard-chomhairle na rìoghachd a thoirt do Iudhaich. Labhair Drs. Muir agus Robertson Dhùn-éideinn, gu ro chumhachdach air a’ phuinnc so, a’ cur an céill ’n uair a bu chòir maith an Iudhaich a chur air aghaidh le thoirt gu eòlas Chriosd’, nach bu chòir àite ’thoirt dha ann an Ard-chomhairle rìoghachd Chriosduidh am feadh ’s a bha e ag àicheadh Chriosd. Bha aon no dha a chuir an aghaidh a bheachd so; ach an uair a thug gach aon a ghuth mu ’n chùis cha robh ach cuignear anns a’ choinnimh gu léir a bha arson nan Iudhach a ghabhail a stigh; agus bha gach aon eile arson reachd na rìoghachd a ghleidheil mar a tha e—a tha ’diùltadh àite a thoirt do neach air bith ann am Pàrlamaid Bhreatuinn ach do neach a mhionnaicheas dìlseachd air fìrinn agus creideamh Criosduidh. Do réir so chuir Ard-sheanadh ar n-Eaglais gun dàil litir iarrtais, no aslachaidh (petition) gu tigh nam Morairean, a’ guidhidh nach biodh atharrachadh air a dheanadh air lagh na rìoghachd anns a’ chùis ud: agus tha sin ro thoilichte gu’n do dhiùlt tigh nam Morairean éisdeachd riusan a bha ’g iarraidh an atharrachaidh a thoirt mu ’n cuairt—gu ’n do thilg iad a mach am Bill (mar a theirear ris); agus gu ’m bheil fathasd a’ Phàrlamaid dùinte nan aghaidh-san a tha ’g àicheadh ainm an Tighearn’ Iosa Criosd. Bha ’n ath ghnothach a thainig air beul-thaobh na cùirt’ fìor mhì-thaitneach, agus cràiteach. B’ e so cùis bho Mhr. M‘ Intosh, Ministear Burnt-island ann an Siorramachd Fife. Mheas Cléir [TD 167] Kirkcaldy, do’m buin esan, mar an dleasnas a thagradh arson misg, agus mì-bhéus de ’n robh e air a ràdh gu’n robh e ciontach. Tha esan a’ cur ’an céill gu ’m bheil e saor ’o na peacaidhean eagallach so; agus cuideachd nach robh an tagradh air a ghiùlan air aghaidh air dhòigh laghal, no dhlighich, agus uime so thog e a’ chùis chum an Ard-sheanaidh. Bha an t-Ard-sheanadh aon-sgeulach am barail nach robh reusan maith air bith coire fhaghuinn do ’n dòigh ’s an deachaidh a’ Chléir air an aghaidh ’s a chùis so: agus dh-orduich iad dhoibh an gnothach a mhion-rannsachadh gun dàil, agus breith a thoirt a réir na fianuis a bheirteadh dhoibh gun fheairt a thoirt air aon ghrabadh, no àicheadh a dh-fhaodas Mr. M‘ Intosh a chur ’s na tha f’ an comhair. Di-Màirt 23ead.—Bha toiseach an latha so ro thaitneach. Thug Mr. Veitch, aon de Mhinisteirean Dhùn-éidinn seachad cunntas air ciod a tha ’n Eaglais a’ deanamh anns an t-soisgeul a chraobh-sgaoileadh ’an Innsibh na h-Aird-an-Ear,—cunntas ro shoilleir, agus ro thaitneach da rìreadh. Tha Ministeirean, no Missionaries aig ar n-Eaglais ann an Calcutta—am baile is mò a tha aguinn anns na h-Innsibh—agus a bhàrr air a bhi ’searmonachadh an t-soisgeil tha iad a’ teagasg sgoilean far am bheil—a thuille air àrd-fhòghlum saoghalta a bhi air a thoirt seachad—am Bìobull ga léughadh, agus teagasgan a’ chreidimh Chriosduidh air am mìneachadh gu soilleir. Tha mu ochd ceud de chloinn anns na sgoilean so aig an àm—clànn a tha ro thuigseach, géur-chuiseach, agus a tha tighinn air an aghaidh gu ro sgairteil anns gach ionnsachadh a tha iad a’ faghuinn. Ann am Madras, agus ann am Bombay—bailte-mòr’ eile—tha searmonachadh, agus teagasg ’s an dòigh cheudna air an giùlan air an aghaidh, agus anns gach àite dhiubh so tha tha na Ministeirean a chuireadh a mach le ’r n-Eaglais a’ saoithreachadh gu h-eudmhor, agus gu treibhdhireach, agus a’ faghuinn mòr-chliù ’o gach aon a tha ’gabhail eòlais orra. Labhair Dr. Charles—Ministear a bhuineas do ’r n-Eaglais, agus a bha ceithir bliadhna deug ann an Calcutta—ach cha ’n e aon de Mhissionaries na h-Eaglais—gu deas-bhriathrach agus gu ro chumhachdach mu chor nan Innsean an Ear, agus mu ’n mhaith mhòr a tha Ministeirean an t soisgeil a’ deanamh ann an sin. Bha e ag ràdh gu ’m bheil atharrachadh sonruichte air tighinn air beachd an t-sluaigh bho cheann ghoirid a thaobh nam Ministeirean so—gu h-àraidh Ministeirean Eaglais na h-Alba. Tha ’n luchd-iodhal-aoraidh sin gun teagamh fuathach air an t-soisgeul, mar a bhios gach cridhe nàdurra gus an iompaichear e le Spiorad Dhé, ach aig an àm chéudna tha iad a’ léirsinn co soilleir am mòr fhéum a tha anns an fhòghlum a tha air a thoirt seachad leis na Missionaries as gu’m bheil iad ullamh gus an clann a chur do ’n ionnsuidh arson fòghluim. Cha ’n ’eil teagamh aguinn nach toir an sìol a tha marso air a chur ann an cridheachan maotha na cloinne sin, lath-eigin a mach toradh tròm agus beannuichte. Nì eile ’bha Dr. Charles a’ cur an céill, agus a tha air innseadh leis gach [TD 168] aon a tha eòlach air Innsean na h-Aird-an-Ear—gu ’m bheil an sluagh sin am bitheantas a’ fàs sgìth de ’n iodhal-aoradh. Cha ’n ’eil iad a’ léirsìnn glòir Dhé ann an Criosd; ach tha iad a’ faireachduinn gur dìomhanas na h-iodhoil bhalbh do ’m bheil iad a’ sleuchdadh, agus tha iad mothachail air gu ’m bheil féum aig an anama air taic’ nach ’eil fathasd aca. Tha iad a’ feoraich—a’ sìor fheoraich, “Cò a nochdas nì maith dhuinn?” O! gu ’n robh e ’cur a mach a sholuis maile r’a fhìrinn gu an treòrachadh do ’ionnsuidh féin, agus gu ’n robh e a’ brosnachadh a shluaigh anns gach cearnaidh de ’n t-saoghal chum an tuille, agus an tuille a dheanadh gus an fhìrinn a chur do ’n ionnsuidh! Tha aobhar taing aguinn arson na bheilear a’ deanamh: ach is ro shuarrach e ’an coimeas ris na bu chòir a dheanadh. Na dhéigh so thainig cùis glé iongantach fa chomhair an Ard-sheanaidh. Aig toiseach an earraich chuir Mr. Wood, Ministear Renfrew litir gu Cléir (Presbytery) Phaisley do ’m buineadh e a’ cur dheth ’eaglais agus a sgìreachd gu buileach; agus ghabh a’ Chléir ris a’ chuir-dheth so, agus dh-òrduich iad an Eaglais éigheach na bàntraich mar a tha e cleachdta ’dheanadh ’n uair a tha Sgìreachd air a fàgail falamh. Ach ’an ùine ghoirid dh-atharraich esan a bheachd. Chuir e litir ùr a dh-ionnsuidh na Cléire ag ràdh gur daoin’ eile ’thug air, an aghaidh a thoile, an litir ud a sgrìobhadh, agus ag iarraidh marsuinn mar a bh’ aige. Dhiùlt a’ Chléir éisdeachd a thoirt do ’n ath-iarrtas so, ag ràdh gu ’n robh an gnothach cheana air a shocrachadh. Thog esan a’ chùis gu Seanadh (Synod) Ghlascho agus Air, agus uaithe sin thogadh a rìs i ’chum an Ard-sheanaidh. Bho na bha i ’na cùis co iongantach dh-òrduich an t-Ard-sheanadh do Chléir Phaisley cothrom a thoirt do Mhr. Wood aon mhìneachadh a b’ urrainn dha ’thoirt air a ghnàthachadh; agus buntuinn ris ’na dhéigh sin a réir laghannan na h-Eaglais’. Bha ’n ath ghnothach a thainig air beul-thaobh na Cùirt ro chràiteach, agus deuchainneach. Bha Mr. M‘ Intyre Ministear Cheann-locha-Rannoch ann an Siorramachd Pheairt air fhaghuinn ciontach le Cléir Weem do’m buin e, ann am misg, agus ann an dearmad dleasnais air iomad dòigh. Thog e a chùis gus an Ard-sheanadh, ach fhuair iadsan gu’n robh dearbhadh gu leòir air na peacaidhean tròm’ a bha air an cur as a leth; agus an déigh ùrnuigh a bhi air a cur a suas le Dr. Muir chaidh am Moderator air aghaidh a réir lagh na h-Eaglais’ ’na leithid de chùis, gu dréuchd na ministreileachd a thoirt bho Mhr. M‘ Intyre, agus gu ’dhruideadh a mach bho cho-chomunn na h-Eaglais, gus an tig e gu aithreachas, agus gu atharrachadh. Tha e gu cinnteach cràiteach duin’ fhaicinn a bha ann an dréuchd co cudthromach, agus co naomh air a thàmailteachadh co mòr, agus air a thionndadh a mach bho chomunn Criosduidh; agus bha e ro chràiteach dhoibhsan do ’m b’ aithne Mr. M‘ Intyre; oir [TD 169] bha e na dhuine ro thuigseach, fiosrach—na sgoileir ainmeil, agus gus bho cheann beag ùine bha e fo chliù ro mhaith air gach dòigh. Ach bha e gu cinnteach dleasnach do ’n Ard-sheanadh deanadh mar a rinneadh anns a’ chùis. Agus cha ’n ’eil duin’ air bith nach bi toilichte arson gu’n nochdta eud a thaobh na muinntir a tha ’frithealadh aig an Altair a ghleidheadh glan. Dì-ciadain 24ead.—’S e ’cheud nì a thainig fa chomhair an Tighe air an là so, cunntas bho Dr. Clark aon de Mhinisteirean Dhùn-éidinn a tha air ceann a’ Chomuinn sin a tha a’ deanamh còmhnaidh le co-thionail ann an America, agus anns na cearnaibh cian sin eile a bhuineas do Bhreatunn. Chuir an Comunn so an uraidh le ùghdaras an Ard-sheanaidh triùir mhinisteirean ro dhìleas, agus deas bhriathrach a shearmonachadh feadh America, agus a thoirt air ais sgeòil a thaobh mar a bha cùisean ’am measg ar bràithrean ann an sin. B’ iad so Mr. Fowler Ratho, Mr. Stevenson Dalry, agus Mr. M‘ Intosh ann an Abair-eadhain. Bho cheann thrì bliadhna chaidh buidheann eile de mhinisteirean ar n-Eaglais air an turus cheudna—Dr. Macleòid na Morairne, Dr. Simpson, Kirknewton, agus Mr. Macleòid, Dalkeith. Fhuair an dà bhuidheann mìle fàilte, agus furan bho mhìltean de ’r luchd-dùthcha a tha fada air falbh a thaobh astair, ach a tha dlùth, agus dìleas do dhùthaich, agus do dh-Eaglais an aithrichean ann an cridhe agus ann am bàigh; agus tha na cunntais a thainig a nall bho àm gu àm a’ leigeil ris gu ’n robh iad ’nam meadhon gu misneach agus neart a thoirt do iomad aon a bha fann agus sgìth. Léugh Mr. Fowler cunntas air na rinn, agus na chunnaic e féin agus a chombanaich—cunntas a bha soileir, tuigseach, drùighteach. Fhuair iad anns gach cearnaidh do ’n deachaidh iad na mìltean a bha ’n déigh air ministeirean de dh-Eaglais na h-Alba a bhi air an socrachadh ’n am measg, ach aig nach robh ministear de dh-eaglais air bith a chum an rachadh iad. Ann an Nova Scotia, Prince Edward’s Island, Cape Breton agus Canada, bha an aon sealladh deuchainneach ’g an coinneachadh—ar luchd-dùthcha agus ar dàimhich féin gun neach a’ gabhail cùram de ’n anama—a’ dol ’am mugha a dhìbheil eòlais; agus iad uile ag éigheach arson a’ chòmhnaidh sin nach ’eil iad a’ faghuinn aig an àm—uile a’ guidhidh arson mhinisteirean. Bha Dr. Màchar—duine ro mheasail a tha na àrd-fhear-riaghalaidh ’an Oil-thigh (no ’n College) Kingston ann an Canada a làthair—labhair esan gu ro dhrùighteach mu ’n fhéum a bha aig an dùthaich sin gu léir air àireamh mhòr de luchd-searmonachaidh an t-soisgeil a chur a null. Labhair Dr. Macleòid na Morairne, Mr. Campbell, Caputh, agus iomad aon eile mu ’n aobhar chéudna—agus tha sinn ’an dòchas gu ’n dùisgear tuille eud ’am measg ar ministeirean aig an tigh gu cobhair a dheanadh air uireasbhuidhean spioradail am bràithrean ’s an luchd-dùthcha ’an America. Tha ’n Comunn so a’ deanamh còmhnaidh le co-thionail ann an Jamaica, agus ann an iomad aon eile de na h-eileanan mu’n cuairt dha. Thug iad seachad air a’ bhliadhna so dà cheud deug punnd [TD 170] Sasunnach anns an aobhar so; agus tha còrr as ceithir mìle air a chruinneachadh leò. Thainig a rìs air beul-thaobh an Ard-sheanaidh, cùis ’o sgìreachd Ghirvan ann am Presbytery Air. Bha Mr. Corson air a thairgsinn mar mhinisteir do ’n Sgìreachd so. Bha feadhainn de ’n t-sluagh—ochd thar fhichead—a bha mì-thoilichte le ’shearmoinean a’ gearan nach robh iad fòghluimte, no soilleir gu leòir. Ach cha robh an t-Ard-sheanadh ’am beachd gu ’n robh na searmoinean mar a bha iad so ag rádhuinn, agus dhiùlt iad éisdeachd ris a’ ghearan. Aon nì a bha ro thaitneach—bha an fheadhainn a bha ’n a aghaidh co maith riusan a bha leis a’ toirt cliù air mar dhuine tréibhdhireach, agus eudmhor ’na dhreuchd—mar dhuine aig am bheil gluasad stuama, cothromach, diadhaidh, agus nì eile—bha ’n àireamh mhòr ’s an Sgìreachd toilichte le ’shearmonachadh co maith agus le ghnàthachadh. Chaidh a’ chùis a chur air a h-ais gu Cléir Air, agus tha iadsan, a réir riaghailtean na h-Eaglais’ ri deuchainn a chur air a thaobh fòghluim agus sgoilearachd. Di’r-daoine 25ead.—’S e ’cheud nì cudthromach a thainig fa chomhair an Ard-sheanaidh air an là so cunntas mu na Sgoilean a tha ’n Eaglais a gleidheil a suas—cunntas a thugadh a stigh le Dr Muir a tha aig ceann Comuinn nan Sgoilean, agus a bha ’cur an céill gu’m bheil dà cheud agus naoi sgoil (209) air an gleidheil a suas leis a’ Chomunn so, agus annta so gu’m bheil còrr agus ochd mìle deug de chloinn a’ faghuinn ionnsachaidh—ionnsachadh fallain, féumail air ro bheag cosdais; ach aig an àm cheudna cha’n urrainn dhoibh sgoilean a chur ach do ro bheag de na h-àiteachan a tha ’g an iarraidh, agus a tha ann am féum ro mhòr orra. Labhair Dr. Macleòid na Morairne, Sìr Tearlach Ferguson, Dr. Robertson, Mr. Clerk Chillemhàillibh, agus feadhain eile mu ’n chùis so; agus ’s e ar làn bheachd nach tainig aon ghnothach fa chomhair na Coinnimh is cudthromaiche, agus is féumaile na e. Gun sgoilean maith agus criosduidh cha tig dùthaich air a h-aghaidh gu bràth ann an soirbheachadh, ’an sonas no ’an saorsa; ach tre sgoilean maithe bithidh dùthaich air a h-àrdachadh gu mòr. Tha fathasd na ficheadan mìle sluaigh ’an Gàedhealtachd ’s an Galldachd a tha gun sgoil, gun fhòghlum, nach urrainn leabhar a léughadh. Agus ged tha chùis marso cha ’n ’eil ach ro bheag ga dheanadh arson eòlas a chraobh-sgaoileadh ’am measg an t-sluaigh. Cha ’n ’eil de thighinn a stigh aig a’ Chomunn so a tha a’ deanamh na h-urrad mhaith, ach mu cheithir mìle punnd Sasunnach ’s a’ bhliadhna, an uair a the e feumail agus iomchuidh arson maith na dùthcha gu’m biodh e chuig urrad aca. Smaoinicheadh gach aon air ciod a tha e ’deanamh gu eòlas agus fòghlum a sgaoileadh ’am measg na muinntir a tha aineolach, agus deanadh gach duine còmhnadh anns an aobhar ro mhaith so. Di-haoine 26ead.—Aig toiseach an latha so thugadh fa chomhair an tighe le Dr. Simpson, Kirknewton cunntas air na ’bheil an Comunn sin a tha ’deanamh còmhnaidh le co-thionail lag ’n ar [TD 171] dùthaich féin a’ cur air aghaidh (Home Mission Committee). Bha’n cunntas so air ioma dòigh taitneach. Tha ’n Comunn a’ toirt cuideachaidh do chòrr agus ceithir fichead co-thional, a tha eu-comasàch air ministeirean a ghleidheil a suas air an son féin; ach mar a tha ri ràdh mu gach aobhar diadhaidh eile ’s am bheil ar n-Eaglais a’ saoithreachadh tha mu’n aobhar so—nach ’eil ach ro bheag ga dheanamh air a shon ’an coimeas ris na tha feumail. Is iomad gleann as eilean leth-oireach air feadh na Gaedhealtachd.—Is iomad cùil dhorcha ann an caol-shràidìbh ar bailtibh mòra ’s am bheil e féumail gu’m biodh teachdairean an t-soisgeil air an suidheachadh—eadhoin iadsan a cho-éigneachadh an sluagh gu teachd a stigh—ach far nach ’eil duine a’ sealltuinn riusan a tha ’tighinn beò gun Dia, agus gun dòchas anns an t-saoghal. Air feasgar an là so thug Dr. Macleòid na Morairne seachad cunntas mion air cor na Gaedhealtachd a thaobh òrduighean an t-soisgeil, agus a thaobh fòghluim. Bha an so cunntas a bha ro shoilleir, fìrinneach, drùighteach.—Bha e a’ leigeil ris gu ’m bheil mòran chearnan ’sa’ Ghaedhealtachd far nach ’eil ministeir de sheòrsa air bith air a shocrachadh. Anns an Eilein Sgiathanach tha mòran cheudan cloinne gun bhaisteadh, agus feadhain a tha air tighinn gu làn uirbhidheachd—a tha iad féin ’n am pàrantan nach deachaidh riamh a bhaisteadh. Tha na mìltean nach do shuidh riamh aig bòrd Suipeir an Tighearna; agus tha sgìreachdan air feadh na Gaedhealtachd far nach ’eil an t-Sàcramaint naomh so air a frithealadh ach gu h-ainmic agus gu mì-riaghailteach. Tha ro mhòran aineolais, agus saobh-chreidimh ’am measg an t-sluaigh far am bheil cùisean marso; agus cha ’n ’eil ministeirean no sgoilean ann arson soilleireachadh a thoirt dhoibh. Labhair Dr. Macleòid Ghlascho ann an cainnt ro shnasmhoir agus dhrùightich mu ’n chùis so. Bha esan air feadh na Gaedhealtachd agus nan eileanan air a’ bhliadhna ’chaidh seachad, agus thug e ’stigh cunntas mion air cor gach sgìreachd ’s an robh e. ’Se ’chomhairlich esan do’n Eaglais a dheanadh an tràs gus an tig àireamh nas leòir de mhinisteirean air an aghaidh, daoine tuigseach agus diadhaidh a chur a mach mar Cheisteirean air feadh na Gaedhealtachd—cha ’n’ ann a shearmonachadh mar a chì sinn mòran dhaoine gun fhòghlum, gun tuigse, gun tuaiream a’ gabhail os làimh—ach a léughadh a’ Bhiobuill—a theagasg Leabhar athghearr nan ceist, agus a dheanadh ùrnuigh ’s gach fàrdaich do ’n rachadh iad. Agus nam bitheadh daoine stéigheil, agus diadhaidh de ’n t-seorsa aguinn dheanadh iad mòr mhaith air feadh na Gaedhealtachd, agus tha gu cinnteach mòr fhéum air gu’m biodh nì-eiginn air a dheanadh nach d’ rinneadh fathasd arson na dùthcha so. Labhair mòran eile mu’n chunntas eagallach a thugadh dhoibh air nithean nach robh iad a’ saoilsinn a bhi ri ’m faotuinn ann an duthaich air bith do ’m bheil ainm Criosduidh. Chuir an t-Ard-sheanadh air leth àireamh lìonmhor de Mhinisteirean, agus de Fhoirfich a rannsachadh nas faide mu na cùisean so, agus a dhealbh [TD 172] dòigh eiginn air gnothaichean a leasachadh anns na cearnaibh dorch’ agus aineolach sin. An sin thugadh buidheachas do ’n dà Dhr. Macleòid leis an Ard-sheanadh arson na rinn iad anns na nithean so. Feudaidh sinn a thoirt fainear gu ’m bheil mu dheich thar fhichead de eaglaisean, no àitean searmonachaidh air feadh na Gàedhealtachd anns am b’ àbhaist Ministeirean a bhi a tha aig an àm falamh, agus chi sinn an Eaglais Shaor a’ gearan gu’m bheil dà fhichead àite acasan ’s an t-suidheachadh cheudna. Tha e ro shoilleir matà gu’m bheil cor na Gàedhealtachd ro bhochd a thaobh luchd-teagaisg spioradail; agus cha robh am feum riamh na bu mhò na tha e aig a cheart àm. Tha dlùth air ceithir fichead de dhaoine òg a tha ’labhairt na Gàelic a tha dol air an aghaidh ’chum na ministreileachd an ceangal ri Eaglais na h-Alba a nis anns na h-Oil-thighean (Colleges), agus ma chaomhainear iad so ni iad fuasgladh agus féum mòr ’n an latha féin; ach bithidh bliadhnachan mu ’m bi iad uile deas arson an dreuchd chudthromaich ri ’m bheil iad ag amharc, agus aig an àm bithidh mòran de ’n t-sluagh tha eagal oirnn, mar chaoirich gun bhuachaille. Thug Mr. Wilson, Dunkeld fa chomhair an Ard-sheanaidh air an fheasgar so cia dleasnach ’s a bha e do’n Eaglais meadhonan a ghnàthachadh gu casg a chur air a’ mhisg, ’s air a mhì-stuaim, a tha ’dol air an aghaidh feadh na dùthcha, agus a tha ’deanamh a leithid de sgrios aimsireil agus spioradail. Shònruich an t-Ard-sheanadh air àireamh àraid de Mhinisteirean ’s de Fhoirfich gu rannsachadh a dheanadh mu ’n ghnothach so; agus gu doigh a dhealbh leis am feudta daoine a thiondadh o’n pheacadh eagallach a tha air fàs co coitchionn ’n ar measg, agus a tha ’tàmailteachadh ar dùthcha seach dùthaich eile fo ’n ghréin; oir cha ’n ’eil rioghachd air aghaidh na cruinne ’s am bheil a leth-urrad mhisg a’ dol air aghaidh ’s a tha ann am Breatunn. Air an là so dh-òrduich an t-Ard-sheanadh do Chléir Dhùn-éidinn Mr. Radcliff, ministeir o sheanadh Ulster ann an Eirinn a bha ’g iarraidh faghuinn a stigh do Eaglais na h-Alba, a cheasnachadh agus gabhail ris na’m faigheadh iad iomchuidh e. Tha ’n so duine a tha fo theisteis sònruichte arson sgoileireachd, agus béus. Tha e ’n a bheachd dol do Jamaica gu saoithreachadh ’an sin mar Mhinisteir ’an co-chomunn ri Eaglais na h-Alba, agus cha ’n ’eil teagamh aguinn c’àit’ air bith an saothrich e, nach dearbh se e féin na fhear-oibre nach ruig leas nàire a ghabhail. Dì-Sathurna 27ead.—Air an là so thainig cùisean nam Ministeirean sin o Eaglaisean eile a tha ’g iarraidh tighinn a stigh do Eaglais na h-Alba (air an d’ rinn sinn cheana iomradh), a rithis fa chomhair an Ard-sheanaidh. Chaidh dithis dhiubh—Mr. Reston agus Mr. Blair—a ghabhail a stigh. Chaidh dithis eile—Dr Craig agus Mr. Ireland—a ghleidheil air an ais gus am biodh an tuille eòlais air fhaghuinn orra. Dh-òrduicheadh Mr. M‘ Taggart a bhuineadh do Sheanadh Ulster ’an Eirinn, agus a tha nis a’ [TD 173] searmonachadh ’an Abair-eadhoin a ghabhail a stigh le Cléir Abair-eadhoin na’m bitheadh iad toilichte leis an déigh a cheasnachadh. Thionndaidh an t-Ard-sheanadh an àire a rìs gu dà lagh ùr a tha feadhainn ag iarraidh a dheanadh a thaobh Alba—aon diubh ag atharrachadh nan riaghailtean a thaobh pòsaidh, agus an t-aon eile ’deanamh riaghailtean ùra ’thaobh ainmean dhaoine ’chur a sìos ’an leabhraichean an t-seisein. Thugadh oidheirp de’n t-seòrsa cheudna ’an uraidh, ach dhiùlt a’ Phàrlamaid aontachadh leis na reachdan ùr’ ud. Tha feadhain a tha air an son g’ an toirt air an aghaidh am bliadhn’ a rithis an déigh beagan atharrachaidh a dheanadh orra. Chuir an t-Ard-sheanadh litir-iarrtais (petition) gus a’ Phàrlamaid a’ guidhidh nach gabhta ri aon de na h-atharrachaidhean so; agus tha sinn ’an dòchas gu’n éisdear ri’n iarrtas. Gun teagamh tha lagh a’ phòsaidh tuille as fuasgailte ann an Albuinn; ach tha’n reachd ùr ud a tha toirt cead pòsaidh do na h-uile gun dol fa chomhair Ministeir no Sagart a’ deanamh na cùise nas miosa, an àite ’cur ’am feabhas; agus a thaobh nan ainmean a chur a sios tha mòr dhragh, as ro mhòran cosdais ’an lorg na dòigh’ ùire. Bha iomradh air a thoirt air latha-coinnimh an Ard-sheanaidh a dheanadh beagan na bu tràithe ’s a mhìos los nach tigeadh e tarsuinn air àm na Cuingeis (na Féill Brèanainn); àm anns am bheil mòran gluasaid air daoine; ach cha ’n fhaic sinn an so ach reusan ro fhaoin air atharrachadh a dheanamh air nì a tha seasmhach, socraichte bho cheann a liutha bliadhna, agus tha sinn ’an dòchas nach teid leòsan a tha ’g iarraidh an atharrachaidh so a dheanamh. Dì-luain 29ead.—Air an là so thug Dr Bryce seachad cunntas mu na rinn an Comunn a dh-ainmicheadh leis an Eaglais o cheann dà bhliadhna arson sealtuinn an déigh cor na Gàedhealtachd gu maith an t-sluaigh a chur air aghaidh. Dh-ainmich e gu’n robh “Fear-tathaich nam Beann” a tha air a chur a mach fo thearmunn a’ chomuinn so a’ toirt mòran toileachaidh dhoibhsan a bha ’ga léughadh, agus a’ deanamh mòran féum ’an iomad cearnaidh de’n dùthaich; agus dh-àithn an t-Ard-sheanadh do gach aon air an robh ùghdarras aca cuideachadh anns an leabhar so a sgaoileadh nas fhaide ’s nas fharsuinge air feadh na Gàedhealtachd. Thainig nithean eile nach ’eil sinn a’ meas cudthromach fa chomhair an Ard-sheanaidh air an là so—là mu dheireadh na Coinnimh; agus air feasgar an là an déìgh do na h-uile cùis a bhi air a cur ann an òrdugh, dh-éirich Dr. Buist—an Ceann-suidhe—agus an déigh buidheachas a thoirt dhòibhsan a thagh e a chum an dreuchd urramaich a bha aige, agus focal comhairle, agus earail a labhairt ri Ministirean, agus ri Foirfich mu na dleasnais mhòr’ agus naomh’ a bha ’n earbsa riutha—nì a rinn e air dhòigh thaitnich, agus dhrùightich—chaidh e air aghaidh ann an ainm an Tighearna Iosa Criosd gus an t-Ard-sheanadh so a sgaoileadh, agus anns an ainm chéudna ghairm e an ath Choinneamh—arson na [TD 174] h-ath bhliadhna air a cheathramh là fichead de cheud mhios an t-samhraidh (24th May 1849). An sin dh-éirich Iarla Belhaven, agus thuirt esan mar an ceudna gu’n robh a’ Choinneamh so ’nis mar sgaoil, agus gu’n robh esan a’ gairm na h-ath Choinneamh air an làtha chaidh ainmeachadh. An sin an déigh earrann a sheinn de’n t-sailm sin is minic a sheinn ar n-aithrichean aig an aobhar chéudna— “Sìor ghuidhibh do Ierusalem Sìth-shaimh as sonas mòr: A mhuinntir sin le ’n ionmhuinn thu Soirbhichidh iad ni’s leòir.”—SALM cxxii. An déigh an t-Salm so a sheinn, agus gràs agus beannachd Dhé iarraidh, sgaoil an t-Ard-sheanadh o chéile—gach saothraiche a’ pilltinn gu chearnaidh féin de fhìon-lios an Tighearna; agus is dearbh-chinnt leinn nach coinnich a’ mhuinntir ud uile a’ chéile ’rìs gus an seas iad fa chomhair cathair breitheanais Dhé; ’s cha ’n ’eil teagamh aguinn nach ann le smaointe sòileimte, agus le ùrnuigh gu’n coinnicheadh iad “ann an co-thional nan ceud-ghin,” a dh-fhàg iomad aon an co-thional ud. Thug sinn marso cunntas air cruinneachadh Ard-sheanaidh Eaglais’ na h-Alba, agus air gach cùis chudthromaich air bith a thainig fa’n comhair air a bhliadhna so, agus a nis theireamaid gu’m bheil fìor aobhar taing aig gach aon le ’n ionmhuinn an Eaglais sin, i ’bhi air a gleidheil a suas ’am measg gach deuchainn, agus gach doininn a dh-éirich na h-aghaidh—arson a h-Ard-chomhairle a dhol air an aghaidh le urrad de “spiorad a ghliocais, a chumhachd, agus na h-inntinn fhallain,” ’s a nochdadh leis ’an Ard-sheanadh so. Nochd iad gu cinnteach mòran de choslas “eagail agus gràidh an Tighearna”—mòran irisleachd, agus déigh air a bhi air an sdiùradh “le gliocas o ’n àirde,” agus tha sin an dòchas gu’n d’ fhairich iomad aon gu’n robh an Tighearna a làthair na ’m measg da rìreadh—agus gu’n dearbhar a làthaireachd leis na nithean a rinneadh a bhi air am beannachadh gu fìor mhaith an t-sluaigh, agus gu glòir a rìoghachd-san a chur air an aghaidh. Cha’n ’eil sinn ’dol a chàineadh Eaglais air bith eile, no a labhairt mu ’m mearachdan, ach cha ruig so leas ar bacadh o ’n fhìrinn a chur ’an céill mu ar n-Eaglais féin. Agus theireamaid a thaobh na h-athais a thatar gu minic a’ tilgeadh oirre aig an àm—“gu ’m bheil i gu buileach na tràill do’n chumhachd aimsireil”—nach aithne dhuinn nì is fearr a shoillearachadh nàdur a’ chùmhnaint’ a tha eadar i féin agus an uachdranachd aimsireil, na beachdachadh air coinneamh, agus ar dol air aghaidh an Ard-sheanaidh. Bha fear-ionaid na Ban-righinn an sin, agus duine air bith a dh-aidicheas briathran na fìrinn gur e “seirbheiseach Dhé” an t-uachdaran, cha ’n abair e gu’n robh e gu h-olc e bhi làthair. A rìs tha “Leabhar aidmheil a’ Chreidimh,” (Caib. xxiii. 3.) ag ràdh “gu ’m bheil cumhachd aige (an t-uachdaran) Seanaidhean a ghairm, a bhi ’làth- [TD 175] air annta, agus an aire a thoirt gu’m bi gach nì a nithear annta a réir inntinn Dhé.”—Bha an so an t-uachdaran saoghalta a làthair, ach cha’n ann mar Mhaighistir, no mar ain-tighearna. Bha an t-Ard-sheanadh air fhosgladh, cha’n ann na ainm-san, no ’an ainm na Ban-righinn, ach ’an ainm àrd, agus buadhmhor an Tighearn’ Iosa Criosd. Bha a’ choinneamh air a fosgladh agus air a suidheachadh mu’n tugadh an t-iomradh a bu lugha air. A rìs, sgaoileadh a’ choinneamh air an dòigh cheudna, agus ghairmeadh an ath choinneamh le ùghdaras na h-Eaglais’ ann an ainm a Rìgh agus a h-Ard-chinn—agus gus an deachaidh so a dheanadh cha d’ fhosgail esan a bhilean. Ré na coinneamh cha tug e breith air cùis, ’s cha do ghabh e làmh ann an nì. Gu cinnteach cha d’ rinn esan ain-tighearnas air bith air an Eaglas, ’s cha d’ fheuch e ri ’saorsa no ’còraichean a thoirt uaipe. C’arson idir a bha e ’làthair matà? Bha a nochdadh, mar a tha e dligheach a nochdadh leis gach rìoghachd Chriosduidh, gu’m bheil an t-Uachdaran saoghalta ’gabhail cùraim gu’m bi “creideamh fìor-ghlan agus neo-thruaillidh” air a ghleidheil a suas air feadh na dùthcha; agus a bhàrr air a so a dh-fhaicinn mar a tha e iomchuidh fhaicinn, gu’m bheil an Eaglais a’ seasamh ris na cùmhnantan sin air an do stéighicheadh i o cheann lìnntean. Tha e gu cinnteach freagarrach, agus dligheach gu ’n seasadh gach pàirti ris na cùmhnantan so, agus ma tha na cumhnantan sgriobtural, agus reusanta (mar is minic a dhearbhadh gu ’m bheil) tha e iomchuidh gu ’m faiceadh gach taobh gu’m bheil an taobh eile fìrinneach, agus seasmhach annta. Nas faide chì sinn ar n’ Eaglais a togail a guth mòran nas àirde agus nas dàine an aghaidh iomad aon de chomhairlean na h-uachdranachd shaoghalta aig an àm na tha ’bheag eile de Eaglaisean a’ deanamh. A thaobh reachd nan Iudhach—a phòsaidh, agus cur a sios ainmean an t-shluaigh (Registration Bill) cha’n e daoine suarrach, ’s a’ Phàrlamaid a tha ’g iarradh nan atharrachaidhean so a dheanadh—ach luchd-comhairle na Bàn-righinn—luchd-sdiùraidh na rìoghachd (a’ Ghovernment). Am bheil Eaglaisean eile ’tha gabhail eallaidh ris na nithean so gun a ràdh gur olc iad ann am mearachd? Cha’n ’eil sinn a’ toirt breith air bith orrasan. Ach tha sinn ag ràdh gu’m bheil Eaglais na h-Alba le ’guth a thogail gu saor, soilleir an aghaidh nan nithean so a’ dearbhadh nach eil i fo smàig no fo chuing thràilleil aig an uachdranachd shaoghalta—gu’m bheil i ullamh gu fianuis a thogail air taobh na fìrinn gun eisiomail do neach air bith. Their feadhain gu’m bheil i truaillidh, agus mì-churamach mu ghnàthachadh na muinntir ’a bhuineas d’ a comunn. ’Se gnìomharan ’s cha’n e cainnt a nochdas so. An t-aon fhear a dhearbhadh aig an Ard-sheanadh a bhi ciontach ann am mì-bhéus ghrad ghearradh air falbh e; agus an aon fhear eile ’bha agartas na aghaidh, dh-òrduicheadh a chùis a rannsachadh gus a’ chuid a’s faide gun dàil. Theirear gu’m bheil i marbh—gun suim air bith do mhaith anama, no do ghlòir an Fhir-shaoraidh. Faicibh ’na aghaidh so [TD 176] ministeirean aice ’an Innsibh ’n ear as n’ iar—i ’searmonachadh an t-soisgeil do Iudhaich ’s do chinnich ’an cearnaibh cian an t-saoghail, agus aig an tigh, a gleidheil a suas còrr agus dà cheud sgoil ’s am bheil ochd mìle deug cloinne a’ faghuinn foghluim fallain, Crìosd’ail. Tha e air a ràdh gu’n tug gach duine cùl rithe, ach faicibh ministeirean o Eaglaisean Soisgeulach eile ag iarraidh faghuinn a steach d’a comunn ’s cha’n iad ministeirean a tha gun mhiagh n’ an Eaglaisean féin, ach ministeirean cliùiteach a tha mòran a’ leanmhuinn agus le ’m bheil an co-thionail a’ tighinn co maith riuth féin. Agus bha e ro thaitneach a thoirt fainear a thaobh an Ard-sheanaidh aig gach àm cia saor ’s a bha iad o spagluinn, ’so uaill d’ an taobh féin—cia saor o fhuath o fharmad ’s o ghoimh an aghaidh muinntir eile. Cha robh glòir asda féin ’s cha robh càineadh air Eaglaisean eile. Bha irisleachd, seirc, agus stòldachd air an nochdadh gach là agus anns gach cùis. Cha’n ’eil sinn a’ gleidheil amach gu’m bheil ar n’ Eaglais saor o mhearachdan ’s o pheacuidhean—cha ’n aithne dhuinn an Eaglais a tha mar sin—cha’n ’eil sinn a’ cur an céill gu’m bheil i a deanamh urrad ’sa bu chòir dhi gu maith dhaoine ’s gu glòir Chriosd a chur air an aghaidh. Cha’n aithne dhuinn an Eaglais no an duine ’tha deanadh mar sin. Cha’n ’eil ar n’ Eaglais no an duine ’tha deanadh mar sin. Cha’n ’eil ar n’ Eaglais a deanamh an fhicheada’ cuid de na bu chòir dhi a dheanamh. Ach tha sinn ag ràdh gu ’m bheil i ga dearbhadh féin mar Eaglais Chriosd le seasamh gu neo-ghluasadach ’s an fhìrinn air an do steighicheadh i o cheann fhada—le saoithreachadh ann an soisgeul Chriosd n’a uile lànachd a dheanadh aithnichte do pheacaich aig an tigh as uaithe—le a bhi ’cur foghluim agus subhailc air an aghaidh am measg a sluaigh. Agus bha coinneamh mu dheireadh a h-Ard-sheanadh anns gach nì iomchuidh do Ard-chomhairle Eaglais Chriosduidh. F. B. IV. CUNNTAS AIR EILEAN EOIN AN AMERICA MU THUATH. EARRANN I. CHA ’N ’EIL teagamh nach bi mion-chunntas ar an eilein so ’na ni taitneach do’n chuid a’s mò de luchd-leughaidh an “Fhir-thathaich,” do bhrigh gu’m bheil na míltean de na Gàidheil a’ gabhail còmhnuidh ann, a chunnaic iomchuidh dùthaich an aithrichean fhàgail gu bràth.—Chuireadh Eilean Eòin, no mar a theirear ris ’sa Bhéurla Prince Edward’s Island, a stigh ri rioghachd Bhreatuinn anns a’ bhliadhna 1763. Tha’n t-eilean àluinn so ’na luidhe ach beag an ear, ’s an ìar, air taobh deas Geotha St. Lawrence, agus tha e air a dhealachadh o mhòr-thir Nova Scotia, agus New Bruswick le caolas a tha eadar deich mìle fichead, agus naoi mìle ann an lèud. Tha e ann am fad mu sheachd fichead mìle; ach air [TD 177] da a bhi air a ghearradh an sud, agus an so le lochaibh sàile, cha’n ’eil e ’an cuid de àitibh os ceann naoi mìle ann an lèud, ach ann an àitibh eile tha e cuig mìle deug thar fhichead. Tha’n sealladh a gheibhear de’n eilein so bhàrr na mara anabarrach taitneach. Tha e air a chuairteachadh ach beag gu léir le creagaibh dearga, a ta ann an àitibh céud troidh air àirde. Cha’n ’eil beanntan idir ann, ged tha’n dùthaich ag éiridh ’na sliosan boidheach, an uair a dh-fhàgar an tràigh. Tha na coiltean uaine, agus am fearann réidh, air am faicinn fa seach, trid am bheil maise na tìre gu mòr air a méudachadh. Tha calaidhean tearuinte ceithir thimchioll an eilein; am feadh ’sa ta aimhnichean lionmhor a’ ruith gu séimh troimh choiltean dosrach, agus mhachraichean tàrbhach. Anns gach àite tha tobraichean pailte, agus sruthain de’n uisge a’s fior-ghloine a’ brùchdadh a mach asda. Tha’n t-eilean so air a roinn ’na thrì siorramachdan, ris an goirear King’s County (Siorramachd an Rìgh), Queen’s County (Siorramachd na Bàn-righinn), agus Prince’s County (Siorramachd a’ Phrionnsa). A thuilleadh air sin, tha e gu léir air a thomhas, agus air a ghearradh a mach ’na earrannan a tha air an ainmeachadh a réir an àireamh aca. Tha seachd, agus trì fichead earrann fearainn anns an eilein air fad, agus tha mar is trice còrr agus fichead mìle acair anns gach earrainn. A réir a’ chunntais a’s fearr a fhùaradh air an eilean tharbhach so, nithear dìchioll a nis, air labhairt air gach siorramachd fa leth, a’ toiseachadh le Siorramachd na Ban-righinn, do bhrigh gur ann innte sin a tha Charlotte-Town, prìomh bhaile an eilein. Am fagus do mheadhon na Siorramachd so, agus do mheadhon an eilein mar an céudna, tha loch mòr mara ris an abrar Hillsborough Bay, air an seòl na longan a’s mò. Aig ceann a stigh an locha so, tha trì aimhnichean a’ comhlachadh a’ cheile, agus a’ deanamh loch eile a tha trì mìle air lèud, agus tha Charlotte Town air a thogail air rudha eadar dithis de na h-aimhnichean so. Tha ’m priomh-bhaile so ro eireachdail air gach dòigh, agus tha còrr agus ceithir mìle anam a’ còmhnuidh ann. Tha na sràidean air an leagadh gu taitneach, agus tha liosan làmh ris na h-uiread de na tighean. Is ainneamh àite anns am faicear baile a’s maisiche na’m baile so. Tha a’ chuid a’s mò de na tighean air an togail le fiodh, ach o cheann ghoirid thogadh mòran le clachaibh-creadha, leis am bheil iad ni’s diongmhalta, agus ann an cunnart ni’s lugha o theine. Tha ’n dùthaich fad mhìltean mu thimchioll a’ bhaile air a réiteachadh, agus air a cur a mach air gach seòl a tha toirt barrachd air a chéile le grinneas agus maise. Tha rathaide-mòra dol a mach o’n bhaile do gach cearna de ’n eilein; agus le rathad St. Peter’s a tha ’dol a chum na h-àird-an-ear, tha cothrom aig muinntir Siorramachd an Rìgh anns na cearnaibh a’s iomallaich’ air teachd a stigh do ’n bhaile. Tha rathad Phrince Town dol a chum na h-àird-an-iar, agus tha e ’chum mòr bhuannachd do luchd-àitichidh Siorramachd a’ Phrionnsa. A thuil- [TD 178] leadh orra so, tha lionmhoireachd de rathaidean-tarsuing ’gan deanamh an cois gach bliadhna. Aig taobh nan rathaidean so, agus air bruachaibh nan aimhnichean, tha ionadan-còmhnuidh nan daoine a’s cothromach’ air an togail, agus is tearc a chithear àite sam bith ni’s àillidh agus ni’s taitniche na’n dùthaich sin air fad.—’S iad na trì aimhnichean a ta còmhlachadh a chéile a’m fochair a’ Bhaile-chinn, amhainn Hills-borough, amhainn York, agus amhainn Elliot, agus tha luchd-imrich gach bliadhna a’ tuineachadh air an fhearann thorail a tha ri taobh nan aimhnichean so. Air an taobh an ear de Hillsborough Bay, tha Orwal Bay agus Pownal Bay, ionadan a tha air an àiteachadh ach beag gu léir le Gàidheil. Tha trì earrannan fichead fearainn ann an Siorramachd na Bàn-righinn, agus mu fhichead mìle acair anns gach earrainn dhiubh so fa leth. Tha iad air an àiteachadh le Breatunnaich, agus Frangaich; ach tha na Frangaich ’nan comunn air leth, agus tha iad a’ tuineachadh aig Rustico, ann an taobh tuath na siorramachd, far am bheil tigh-aoraidh aca, agus am priomh-shagart aca a’ chòmhnuidh. Cha ’n ’eil na Frangaich so idir deanadach, no dìchiollach, oir is sluagh mi-chùramach agus neo-shuimeil iad, nach ’eil ag iarraidh ach toil-inntinn na h-uair’ a ta làthair, gun a bhi ’deanamh solair sam bith arson an ama ri teachd. Bheir sinn cunntas goirid a nis, air Siorramachd an Rìgh, a ta gabhail a steach taobh an ear an eilein ach beag gu leir. Tha aon earrann fichead fearainn anns an t-siorramachd so, a ta mu’n aon mheud ri h-earrannaibh Siorramachd na Ban-righinn. Tha trì àimhnichean eile a’ còmhlachadh a chéile ’san t-siorramachd so, aig Cardigan Bay, agus ’siad sin na h-aimhnichean ris an abrar Montague, Cardigan agus Brudenelle; agus air rudha eadar dithis diubh tha George Town, baile-cinn na siorramachd air a thogail. Goirear mar an céudna Three Rivers ri Cardigan Bay, agus gheibh long air bith a steach ann, eadar dà eilean a tha mach ann am béul na h-acarsaid ris an abrar Panmure agus Broughton.—Cha’n ’eil mòran sluaigh fathast ann an George Town, ach tha’m baile so gach là ’dol ann am meud. Ri taobh nan aimhnichean so a dh-ainmicheadh tha mòran de dheagh fhearann freagarrach arson tuathanachd, agus tha e air àiteach le Breatuinnich. Tha mòran shoithichean agus longan gach bliadhna ’gan togail aig George Town, a ta chum mòran féuma gu margadh a dheanamh arson gach ni a dh-fhéudas an tuathanach a reiceadh. A thuilleadh air Three Rivers tha iomadh caladh eile ’san t-siorramachd so a tha freagarrach arson shoithichean beaga. Is ann diubh so Murray Harbour a ta eadar Three Rivers agus Bear Cape. Tha gach àit am fagus do Mhurray Harbour air an àiteachadh le Gàidheil, agus gu sònraichte le Sgiathanaich chòire a bha ’dol air imrich á Eilean am breith bho cheann mòran bhliadhnachan air ais. Cha’n ’eil tigh an sin anns nach cluinnear a’ Ghaelic ’ga labhairt, mar ann am Muile, Earraghaidheal, no ’s an Eilean Sgiathanach. Cha’n ’eil teagamh ’sam bith nach mòr an toil-inntinn a bheir “Fear-tathaich nam Beann” [TD 179] do na Gàidheil chliùiteach an uair a ruigeas e iad ann an Eilein Eòin; agus tha e cinnteach gu’n dean iad gàirdeachas ri caraid co dìleas an uair a théid e d’an ionnsuidh leis gach sgéul firinneach agus taitneach air an toir e iomradh. Mo làmh-sa gu’m faigh e deagh chairtealan ann am Murray Harbour, agus mar an céudna o gach Gàidheal aig Souris, Rollo Bay, Fortune Bay, Howe Bay, Broughton Bay,—seadh, ’o gach Gàidheal ann an Eilean Eòin air fad.—B’ olc an airidh mar faigheadh! Labhrar a nis gu h-aith-ghearr mu Shiorramachd a’ Phrionnsa ann an ceann na h-àird-an-iar de’n eilein. Tha’n t-siorramachd so air a gearradh a mach ’na h-earranaibh a tha trì thar fhichead ann an àireamh. Tha mòran de lochaibh-mara ’s an t-siorramachd so, a tha ro fhreagarrach chum gach gné mhalairt a ghiùlan air aghaidh le soithichibh de gach meud. Dhiubh so ainmichear gu sònraichte Richmond Bay.—loch domhain, agus farsuing a tha fosgladh a mach ris an àirde tuath. Tha na h-uiread de dh-eileanaibh bòidheach anns an loch mhòr so, agus tha aimhnichean a’ dol a stigh ann, a tha ruith troimh mhachraichean torail, agus choilltean aluinn, uaine. Cha’n ’eil àite ’n America uile anns am faighear an sgadan ni’s pailte na ann an Richmond Bay. An uair a thig ceithir-là-déug de’n t-sàmhradh, toisichidh an t-iasgach sgadain ’s an loch so, ach cha tric leis marsuinn os ceann deich no dà là dhéug. Ach ré na h-uine so, cha robh eathraichean-iasgaich riamh ni bu lionmhoire air Loch Fìne, na chithear iad aig Fishery Cove anns an loch so. Air rudha am fagus do bhéul an locha tha Prince Town, priomh-bhaile na siorramachd air a thogail. Cha ’n ’eil ann fathast ach beagan sluaigh, ach tha e gach bliadhna ’ga mhéudachadh, agus ri h-uine fàsaidh e gun teagamh na bhaile mòr. Is e an ni a’s fhaide ’na aghaidh gu léir nach ’eil acarsaid fhreagarrach aige mar a tha aig Charlotte Town agus George Town, oir cha ’n urrainn soithichean dol a stigh a dh-ionnsuidh a’ bhaile a thaobh tainead an uisge. Tha mòran sluaigh gidheadh air an suidheachadh air gach taobh de’n loch so, agus ri taobh nan aimhnichean a tha ruith a stigh ann. A thuilleadh air an loch so, tha na h-uiread eile ann mu thimchioll am féudadh an cunntas céudna a bhi air a thabhairt. Dhiubh so tha Cascumpec Bay,—Egmont Bay,—Halifax Bay, &c. Cha’n ’eil sealladh ’s an eilean uile ni ’s taitniche na Cascumpec Bay, aon chuid air muir no air tìr. Tha’n loch so comharraichte os ceann gach àite mu’n cuairt arson iasgaich throsg, agus air uairibh tha mòran sgadan ’gan glacadh ann. Tha’m fearann a ta ri taobh nan loch so, agus nan aimhnichean a tha ruith a steach annta, anabarrach torail, agus ro fhreagarrach chum a bhi gu dlùth air a shuidheachadh. Tha iomadh àite taitneach ’s an t-siorramachd so air an cur a mach a cheana chum mòr bhuannachd, agus iomadh aitreabh fiòr eireachdail air an togail;—ach cha ’n urrainn sinn, anns an àite so, an ainmeachadh fa leth. Cha’n ’eil sinn, an so, ag iarraidh ach gu’m faigheadh ar luchd-dùcha beachd air mèud agus air cumhachd an eilein luachmhoir so, [TD 180] —gu’n tuigeadh iad mar a tha e air a roinn na earrannaibh,—gu’m biodh fios aca mu na prìomh-bhailtibh aige,—agus mu gach acarsaid agus loch a’s sònraichte ’na cheile ann. Tha sluagh an eilein a nis mu leth-chéud mìle anam, agus tha iad a’ dol gu mòr an lionmhorachd gach bliadhna.— Tha ann an siorramachd na Ban-righinn, 486,400 acair. Tha ann an siorramachd an Righ, 412,000 acair. Tha ann an siorramachd a’ Phrionnsa, 467,000 acair. Tha anns an Eilean gu leir, 1,365,400 acair. Ann an Aireamh eile de’n “Fhear-tathaich” bheirear cunntas air aimsir, fearann, agus toradh an eilein so. SGIATHANACH. [Tha cunntais nas fearr a’ tighinn do’r n’ ionnsaidh á America. Tha tuille farraid air luchd cosnaidh, na bha ann an uraidh, agus an fheadhain aig am bheil a bheag idir de dh-airgiod iad féin gheibh iad a chur a ’m buil ann an America mòran nas fearr na gheibh iad a dheanadh ’s a’ Ghaedhealtachd. Bha sinn a’ feitheamh o àm gu àm gu cunntais chinnteach fhaghuinn air an dùthaich fharsuing ud, ’s am bheil a liutha mìle Gaedheal ’an tàmh; agus tha sinn ro thoilichte gu’m bheil gealltanas aguinn a nis o Dhr. Macleòid na Morairne—agus o Mhr. Mackintosh, Abair-eadhain a bha le chéile ann an America air cunntais mu chor aimsireil agus spioradail an t-shluaigh ann an sin. Tha ’n t-“Eil-thireach” mar an ceudna a bha ioma là as bliadhna thall a’ sgrìobhadh air ar son; agus tha ar deagh charaid an “Sgiathanach” a’ cur fiosrachaidh do’r n’ ionnsuidh a tha soilleir, poncail agus luachmhor. Cha’n ’eil teagamh aguinn, ma chaomhainear sinn matà, nach faigh ar càirdean a bhos as thall fiosrachadh anns an “Fhear-thathaich” mu dhéighinn America, a bhios taitneach, agus féumail dhoibh.—F.B.] V. AUSTRALIA. THA lìonmhoireachd sluaigh a’ fàgail na Gàedhealtachd am bliadhna arson na cearna céin so, agus tha sinn ro thoilichte gu’m bheil a liutha duine bochd a’ faghuinn aiseag a’ nasgaidh do dhùthaich far am bheil e co furasda teachd-an-tìr a sholar. Thainig tionndadh glé dheuchaineach air gnothaichean ’an Australia bho cheann beagan bhliadhnachan. Chaidh caoraich gu sid, sad.—Cha b’ fhiù iad a bhi toirt a’ chraicinn diubh arson na gheibhte air am feòil, agus aig an àm cheudna bha an t-aran ro dhaor; ach tha cùisean a nis air dol gu mòr ’am feabhas o cheann ghoirid. Tha min saor; agus caoraich ag éiridh ’am prìs. Gu sònruichte tha miagh, as farraid air cosnadh. Tha cunntas cinnteach aguinn bho na daoine [TD 181] as creideasaiche gu’m faigh cìobair, no sgalag cuig puinnd fhichead Shasunnach (£25.) ’s a bhliadhna, agus a bhiadh. So an rud is ilse do dhuine air am bheil a bheag idir de loinn; agus gheibh e mòran tuille ma tha e ga dhearbhadh féin tuigseach, onarach, fìrinneach. Tha tuarasdail àrd aig luchd-ceairde cuideachd, agus mar an ceudna aig searbhantan; ’s cha’n ’eil teagamh air bith nach feud gach aon a ghnàthaicheas e féin gu stuama, onorach saoithreachail anns an dùthaich ud tighin-beò maith a bhi aige ’n uair a tha mòran, ann am beag ùine, ’dìreadh gu beairteas. VI. NAIGHEACHDAN. THA ’n Fhraing mi-fhoistneach mar a bha i, agus iomad aimhreit ’s a’ bhaile mhòr. Cosnadh, as creideas a’ fàilneachadh gach là; agus gach aobhar eagail gur ann nas miosa ’theid cùisean. THA e duilich leinn gu’m bheil cogadh glé fhuilteach a’ dol air aghaidh ’an àite ’s an àite air tìr-mòr. Tha na Prussianaich a’ còmhrag ris na Loch’unnaich (Danes), agus an déigh buaidh fhaghuainn ann am blàr, no dhà air tìr, ged a réir coslais is iad a tha ’s an éucoir; ach tha na Loch’unnaich mòran nas cumhachdaiche air cuan agus tha iad earbsach as an luingeis. Tha earrann de’n Eadailt’ air éiridh an aghaidh Iompaire Austria, agus a’ faghuinn buaidh air ’armailtean; agus tha aisìth as iorghuill ach beag ’s gach dùthaich mu’n cuairt dhoibh. Tha ’n lasair a bhris amach ’s an Fhraing air sgaoileadh mar fhallaisg ’am fraoch tioram a’ chreachuinn, agus aig an Tì uil’ fhiosrach amhàin a tha fios c’àit an stad i. THA Eirinn fathasd mar a mhuir bhuairte nach urrainn clos. Bha duine cuthaich, fiadhaich do’m b’ ainm Mitchell a bha ’cur a mach Paipeir-naigheachd bho cheann ghoirid anns an robh a’ chainnt a b’ fhuileachdaiche ’s a bu ghairge an aghaidh Bàn-righinn, as uachdranachd Shasuinn. Chaidh esan a chur ’an làimh, agus ’an déigh a chur air déuchainn chaidh a chur thar a’ chuain (transported) mar chiontach car cheithir bliadhna déug. Ach tha mòran eile nach eil a réir coslais a’ gabhail a bheag de sgà roimh ’pheanas-san agus a tha ’séideadh a mach bagraidh mu mhort ’s mu spùinneadh gach là. THA aobhar taing aguinn nach eil dortadh fola ’an Sasunn no ’n Albuinn; ach tha anabàrr de mhì-riaghailt air feadh iomad aon de na bailtean mora. ’An Lunnainn, ’an Dun-eidean ’s an iomad àite eile tha buidheannan lìonmhor de’n t-seòrsa ris an abair iad Chartists a’ cruinneachadh gun stad a sìor éigheach an aghaidh reachd, as Pàrlamaid—a’ sior iarraidh gnothaichean a thilgeadh bonn os [TD 182] ceann; agus tha gach meirleach, ’s gach sloightire daonnan ’n an gaoith sud agus ri mòran goid, as spuinnidh anns gach cruinneachadh a tha ’tighin cuideachd. Tha e ro mhi-fhortanach gu’m biodh na daoine so—na Chartists—a’ dol air an aghaidh mar a tha iad. Tha iad ri cron ’s ri creachadh air ioma dòigh. Cha’n e mhàin gu’m bheil iad a bleid mòran airgid o dhaoine bochda fo sgleo-bréige gnothaichean ciatach a dheanadh air an son—oir gun airgiod a chruinneachadh air an son cha dean iad teangaireachd no tagradh; ach tha iad a’ tarruing dhaoine o’n obair ’s o’n cosnadh ’hun an coinnimhean; agus nas miosa gu léir—tha iad leis a’ bhruaillein a tha iad a’ gleidheil air feadh na rìoghachd a’ cur eagail air na daoine airgiodach làmh a ghabhail ann am malairt; oir cò a theid a dh’ fhosgladh mhuillean no thighean malairt an uair tha e ’n cunnart gach oidhche gun tig sgaoth de’n ghràisg ud agus gu’n loisg iad a thighean os a cheann. ’Se ’n cor neo-shocair so ’s am bheil an rìoghachd a tha ’deanamh mòran bacaidh air cosnadh ’s air ceirdean. Tha airgiod a’ fàs nas paillte. Tha lòn ro shaor. Tha ’m bàrr a tha ’s an talamh a’ coimhead ro ghealltanach: ach tha cosnadh fathasd fada fad, air ais. BHO na sgrìobhadh na tha air thoiseach, thainig naigheachd ro eagallach oirnn as an Fhraing. Tha ar-a-mach eile ’n déigh tòiseachadh ann am Paris, anns an do chaill tuille as sea mìle (6,000) am beatha! ’Nuair a thainig an cunntas mu dheireadh oirnn, bha obair a chasgraidh a dol air a h-aghaidh gu h-uamhasach. Bha deich as sea fichead (130) gunna mòr a’ caitheadh air na Réubalaich; agus gach aon a chaidh a ghlacadh dhiubh chaidh a ghrad spadadh. Bheir sinn mion chunntas mu ’n chùis so ’san ath Aireamh. MARGAIDHEAN.—Ruith Monadh Dhunbreatuinn air an 7mh là de ’n mhios so, ach cha do reic feudail mar 20s do na rinn iad an uraidh. Bha cuid de na Dròbhairean a cheannaich an so an uraidh nach d’ fhuair air am feudail ach gann na thug iad orra, gu’n ghuth air na chosd am beathachadh dhoibh o cheann bliadhna. Tha lòn a’ fuireachd ro achdarra: min chruithneachd 18s am bolla: min choirce 16s: min sheagail 1s 6d a chlach: min eòrna 1s 4d, Muilt-fheoil 7d am punnd. Uighean 7d an dusan. Im 8d am punnd. Buntàta ùr 1s 10d a chlach. Clòidh thearrta 5s: clóidh gheal 6s 6d. FOCAL DO ’R CAIRDEAN.—Tha sinn duilich gu’n deach’ dail a chur co fada ’s an Aireamh so; ach ma bhios sinn mar is miann leinn cha tachair so a rithis. An t-Aireamh a bu choir a bhi mach aig toiseach an ath mhios (JULY), cha bhi e mach gu meadhon a mhios: ach theid gach Aireamh na dheigh sin a chur a mach air a cheud la do gach mios mar a gheall sinn.—Cuimhnicheadh ar luchd-leughaidh gu ’m bheil a nis cuid leth-bhliadhna de’n “Fhear-thathaich” amach, agus iadsan nach do phaigh fathast e paigheadh iad gun dail e. ’N a dheigh so, ’s ann gu William Gilchrist, 145 Argyle St., Glasgow, a tha gach airgiod agus gach litir a bhuineas do’n “Fhear-thathaich” ri bhi air an cur, GLASGOW: WM. GILCHRIST, 145 ARGYLE STREET. EDINBURGH: MACLACHLAN & STEWART. Printed and Published at 145 Argyle Street, on the First Day of each Month, by WILLIAM GILCHRIST, residing at 22 Centre Street, Tradeston, Glasgow,