[TD 33] [Dealbh] “Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, le d’ uile chridhe, agus do choimhearsnach mar thu féin.” FEAR-TATHAICH NAM BEANN. AIR II.] AN DARA MIOS, 1848. [R’A REIC AIRSON TRI SGILLINN. CONTENTS:—I. The History of Israel, as illustrating the fulfilment of Prophecy, No. II. page 33. II. Introduction to the Study of the Parables of our Lord, No. I. page 38. III. Familiar Dialogue:—The Objects of the Mountain Visitor—The necessity of an Improved System of Cultivating Crofts—Importance of doing everything in its own time, No. I. page 43. IV. The Young Highland Pedlar (a Tale, showing the importance of good schools), page 51. V. Directions for Cultivating Cottage Gardens, No. II. page 58. VI. Public News:—State of Trade—Failures—Stoppage of Public Works—Railroads—Depression in Mercantile matters—The Riots at Stonehaven by the Highland Navies—Loss of the “Avenger” steam frigate—The Army and Navy of Great Britain—The State of the Markets, page, 62. I. EACHDRAIDH SPIORADAIL NAN IUDHACH. AN DARA EARRANN. A’M beachdachadh air eachdraidh nan Iudhach, cha ’n e an ni is lugha ’s airidh dhuinn a thoirt fainear an dòigh anns an do sheas iad gu mairionnach, buan, nan sluagh sonruichte,—air leth bho mhuinntir gach rioghachd agus dù’cha, anns an robh no anns am bheil iad a chòmhnuidh, dhaindeon gach geur-leanmhuinn, gach deuchainn, agus gach oidheirp, a rinneadh a chum cur as doibh. Chi sinn na dheigh so, mar theid sinn air ar n’aghaidh leis an eachdraidh, an staid anns am bheil iad air an àm,—staid a bha air a h-innse roimh laimh mìltean de bhliadhnaibh, le spiorad na fàisneachd: agus ma bheir sinn fainear gu cùramach, chi sinn gu bheil iad mar mhiorbhuil mòr ma choinneamh ar sùl, ’s nan dearbhainnean taisbeanta, soilleir, follaiseach air fìrinn focail Dhé. Cha ruig sinn a leas tighinn thairis air daorsa na h-Eiphit,—cha do chuir sin as doibh, ged is e sin amhàin a bha ’m beachd an [TD 34] nàimhdean a dheanamh; ach a cheart dòigh a ghabh an nàimhdean a chum am milleadh, thionndaidh Dia chum an cinneachadh, an cumhachd agus an àireamh a mheudachadh. Tha focal Dhé ag ràdh, Exod. i. 12—“Ach mar is mò a shàraich siad iad, ’s ann is mò a rinneadh iadsan lionmhor agus a dh’fhàs iad. Agus bha iad fuidh dhoil-gheas air son chloinn Israeil.” Nach eagallach oillteil an àithne chaidh a mach bho thigh Pharaoh nan aghaidh, Exod. i. 22—“Gach mac a bheirear tilgidh sibh ’san abhainn, agus gach nighean gleidhidh sibh beò.” Ach nach tug Dia mu ’n cuairt gu ’m be so a cheart ni a b’fhearr a thachair dhoibh riamh, no thainig ’n an rathad? ’S ann trìd na h-àithne so thogadh Maois, ’s a dhàraicheadh e mar mhac an Rìgh, agus a fhuair e ’m fòghlum sin leis an d’ rinneadh e comasach a bhi na cheannard buadhmhor, a chum a shluagh féin a theasragain á tìr na daorsa, agus an toirt amach fa-dheòidh gu tìr àluinn a gheallaidh. Cha ruigear leas a chur ma ’r coinneamh an turus sgìth agus ànrach air an tugadh iad do ’n fhàsach, agus mar dhìon ’s a sheas Dia iad fad dà fhichead bliadhna ’measg gach cunnart, agus deuchainn, agus dìth. Bha iad nan rioghachd ’s na ’m pobull miorbhuilleach, mairionnach, air nach deargadh sgrios: cha b’ urrainn a ghrian am bualadh ’s an là, no ’ghealach fòs ’s an oi’che; ’s an fhàsach thioram, thartmhor, theth, far nach robh deoch no biadh, cha do chaochail iad. Dh’fhartlaich air an nàimhdean guinneach, cumhachdach, agus lìonmhor, cur as doibh,—cha chualas riamh riamh iomradh air sluagh a bha ann an cunnart co mòr,—nàimhdean amach,—eas-aontachd agus strì nam measg féin. Ghleachd iad féin an aghaidh a charaid a b’àirde, le monbhor, agus ceannairc, agus ar-a-mach a dheanamh ’na aghaidh; ach cha do thréig Dia iad, ni mò a thilg e cùl a làimhe iad,—cha do tharruing e air ais a ghàirdein tréun, ’s cha do bhrosnaich iad e gus a gheallainnean agus a chùmhnant a dhi-chuimhneachadh; agus a nuas bho’n àm sin faiceamaid mar a sheas an sluagh so mach, a dhaindeoin gach geur-leanmhuinn a rinneadh orra! Mar shluagh cha do chailleadh iad a’ measg slòigh an t-saoghail,—thilgeadh gu taobh iad, ach cha do sgriosadh iad. Cha ’n eil ’s cha robh riamh air uachdar an domhain pobull eile dhaodta choimeas riu. C’ àit’ bheil an rìoghachd air nach d’thainig caochladh, no am pobull air nach d’thainig atharrachadh? Fhuair aon rìoghachd làmh-an-uachdar air rìoghachd eile; a chuid is àirde de chuibhle mhòr an domhain ann an aon lìnn, ’s e ’s isle ann an lìnn eile. Tha rìoghachd ag éiridh agus rìoghachd a tuiteam, ach na h-Iudhaich, ged chaill iad an dùthaich, ged tha iad nan luchd-fuadain air aghaidh an domhain,—air alaban anns gach tìr—air an saltairt fo chosan gach sluaigh—scapta, sgaoilte, gun tìr, gun dùthaich, gun charaid saoghalta, gun Righ, gun laghanan; gidheadh, feuch mar tha iad air a mhionaid! Tha iad cho dealuichte bho dhaoine, ’s bho shluagh eile, ’s a bha iad riamh; tha ’n cainnt féin aca, tha ’n deas- [TD 35] ghnathan féin aca, a cheart aogus, a cheart choslas, an t-sùil, ’s a mhala, ’s a bhathais; na cuaileana fada dubh a bha aca riamh; ’s Iudhaich iad mar bha iad riamh, cia b’ e àit air aghaidh an t-saoghail an tachair iad ort; agus a’ fulang gach aon diu’ fo ’n mhallachd a ghuidh an sìnnseara ’nuas orra féin agus air an sliochd, ’n uair chuir iad cùl ri Criosd, agus a thuirt iad, “Bitheadh fhuil oirnne agus air ar sliochd.” Cha ’n eil e comasach gun Iudhach aithneachadh, tachradh e ort cia air bith cearna de ’n t-saoghal an urra’ dhuit a bhi. Tha comharra na mìle àl r’a fhaicinn an clàr aodainn. Anns gach Iudhach a thachras ort chi thu mac Abrahaim co coslach r’a athair ’s r’a shinnseara ’s a bha iad ’n uair bha iad ann an tìr Chanaain,—A’ meanglan a thilgeadh air falbh a freumhach ’s a cur a mach a dhuillich, a fàs anns gach tìr, anns gach baile-mòr agus beag air aghaidh an t-saoghail, anns a mhallachd a tha gan leantuinn, a’ togail fianuis air an Dia bheò! Tha nis osceann trì mìle bliadhna bho ’n thuirt Dia scapaidh mi iad a’ measg nan cinneach,—scapaidh mi sibh a’ measg rìoghachdan an t-saoghail uile, bho aon chrìch na talmhainn chum na crìch’ eile,—ach ars Esan, Levit. xxvi. 24, “An sin theid mise mar an ceudna ’nar n-aghaidh-sa, agus ni mi peanas oirbh seachd uairean fathast air son bhur peacanna.” Tha Rìoghachd nan Iudhach mar am preas a chunnaic Maois, do ghnà a lasadh, ’s gidheadh gun a bhi air a chaitheamh; agus da-rìreamh nach mìorbhuilleach so, an deigh gach cogadh, ’us blàr, ’us losgadh, ’us ganntar. ’us plàigh: an deigh gach mort, ’us marbhadh, ’us geur-leanmhuinn a rinneadh orra,—an deigh gach daorsa, ’s tràilleachd, ’us truaighe, tha iad fathast, cha’n e amhàin air mhairionn, ach tha iad ’nam pobull, agus mar shluagh co mor air leth bho mhuinntir an domhain uile ’sa bha iad riamh, seadh, ’nuair a bha iad ag imeachd fo bhrataich bhuaghar Mhaois ’san Eiphit, a gabhail air an adhart do thìr Chanàain? Seadh, tha iad fathast air leth bho mhuinntir an t-saoghail, agus dhoibhsan tha Ierusalem co prìseal, ionmhuinn ’sa bha i riamh. Cia mar tha e tachairt ’nuair tha na h-uile dhaoine eile air an amladh a’ measg a chéile, agus mar aon phobull, gu’m bheil iadsan a’ fuireach air leth gun mheasgadh air bith? Cò iad luchd àiteachaidh Shasuinn, agus cia as a thainig iad? Thainig moran diubh as an Fhraing, seadh anabarr dhiubh—thainig moran as a’ Ghearmailte, moran as an Olaind; thainig iad as gach cearn de’n t-saoghal, mar a thainig uisgeachan a chuain mhòir, ach am bheil sliochd nam fineachan sin air leth bho chàch? An urrainn duit innse cò iad sliochd na Frangach, no sliochd na dù’cha? Cha’n urrainn, ni’s mò na ’s urrainn duit innse ’thaobh a chuain mhòir, cia as a thainig a chuid so dh’e no chuid ud eile. Mar tha uisgeachan a chuain nan aon linne mhòr, tha sluagh Bhreatuinn; ’s ged thigeadh ceud mìle Spàineach a stigh, ’s ged shocraicheadh iad ’nar measg, an ceann ceud bliadhna, chaillte dealachadh eadar iad agus muinntir eile na tìre, agus bhitheadh sluagh na dù’cha mar aon sluagh; ach na h-Iudhaich cha do thachair so dhoibh—aithnich- [TD 36] ear iad a’ measg an t-sluaigh anns gach cearn de’n domhan mhòr, co math, agus co comharraichte ’s ged a chitheadh tu sruth dearg, no uaine, no dubh, air aghaidh a chuain, nach do ghabh coimeasgadh riamh leis na h-uisgeachan eile! ’Bheil so iongantach? Mar ’eil cha’n aithne dhomh ciod a tha iongantach—mar mìorbhuil so cha’n fhaic mi ciod ris an can sinn mìorbhuìl! Tha linntean a’ falbh agus linntean a’ tighinn—tha àl a’ tighinn agus àl a’ falbh; ach tha na h-Iudhaich a’ mairsin ’nam pobull air leth bho chàch nan iongnadh, nan alabanaich, nam fògaraich air aghaidh an t-saoghail. A’m Palestine, an tìr féin, tha gach creideamh eile air a cheadachadh, ach tha creidimh nan Iudhach air a thoirmeasg. Faodaidh muinntir an t-saoghail mhòir triall do Ierusalem, agus fuireach, agus tàmh, agus fois a ghabhail ann, agus dachaidh fhaotainn ann, ach Iudhach a mhàin, cha’n fhaod esan;—tha Esan a mhàin air a thoirmeasg! Bha làn shaorsa aig Turcaich—aig na h-Arabs—gentilich de gach gné—Pàpanaich ’us Criosduinean de gach ainm, tàmh a ghabhail bho àm gu àm anns a’ Bhaile naomha, ach an t-Iudhach bha air a thoirmeasg! ’S fìrinneach briathra Dhé mar a gheibhear ann an Deut. xxviii. 43. “Eiridh an coigreach a tha ’nar measg suas gu ro-àrd os do cheann; agus thig thusa nuas gu ro-ìosal;” agus ged tha barrachd saorsa aca nis na bha aca ’san àm a dh’fhalbh, cha’n ’eil iad ach nan coigrich nan dùthaich féin fathast,—cha leò am fearann—cha ’n ’eil seilbh, ’s chan fhaod a bhi aig a h-aon diu’ leud bonn na bròige de’n tìr. Cha leòsan Ierusalem—cha bhuin oirleach de thìr an sinnseara dhoibh. Tha e air a cheadachadh do Thurcaich an sgiursadh air falbh bho uaigh Abrahaim agus eaglaisean Ierusalem. Bha suim airgid aca r’a dhiol, air son seasamh far am faigheadh iad sealladh air an àite an robh an teampull. Tha àite cumhann, dorcha, fo ’m bheil e air a cheadachadh dhoibh comhlachadh gu ùrnuigh agus gu caoídh—gus an déuraibh a shilleadh air an fhonn sin a thaisich an sinnseara le ’m fuil. ’S e ’n saoghal mòr, farsuing, an dachaidh; agus ciod e an t-àite sin air uachdar an t-saoghail anns nach eil iad air faondraich? Siubhail gach cearn, bho dheas gu tuath, bho ’n ear gu ’n iar, agus tachraidh na fògaraich thruagh ort,—chi thu iad fo theas loisgeach na gréine ’s na h-Innsibh an Ear,—chi thu iad far nach cinn cha mhor lus, no craobh, no blàth, ann an crìocha reòta, fuar, na h-airde tuath. Tachraidh iad ort a’ measg doireachan cùbhrai, àluinn, Arabia,—’measg cuidheana fuar, sneachd Ghreenland,—tha iad anns gach àite, ach gun chòir air àite—gun seilbh air tìr, gun dachaidh, gun àite tàimh mu ’n can iad, “Mo dhùthaich ’s mo thìr.” Gu fìrinneach, thug Dia thairis iad gu bhi air an sgapadh air feadh rìoghachdan an domhain, Ierem. xxiv. 9. Tha nead aig a cholman, tha fròg ’us càrn aig an t-sionnach, tha dùthaich aig gach sluagh eile,—aig Israeil amhàin cha ’n eil ach an uaigh! Cha ’n eil ùine agam aìr an àm a chur ma choinncamh mo leughadairean a gheurleanmhuinn a rinneadh air an t-sluagh so. [TD 37] B’fhurasta leabhar mòr a lionadh leis an eachdraidh chianail. Theagamh gu’n tig sinn thairis air a chuid so de ’n eachdraidh na dheigh so, agus gu ’n cuir sinn ma ’n coinneamh an tàir agus an dì-moladh, agus an càineadh a rinneadh orra anns gach lìnn. Nach eil eadhon an t-ainm féin na fhrith-fhocal, na tharcuis, agus na dhìmeas a’ measg dhaoine? Am bheil duine seòlta, mealltach, carach? ’s Iudhach e. Am bheil e na thrusdar, salach, ain-iochdmhor? ’s Iudhach e. Am bheil e sanndach, lùbach, sleamhain, as nach faodar earbsa chur? ’s Iudhach e. An sloightear cruaidh, mi-cheart e? am fìor Iudhach! Agus mothaichibh, tha geurleanmhuinn air a dheanamh air an Iudhach, cha ’n ann do bhrì gu bheil e bochd, no amaideach, no aineòlach, ach gu dìreach glan, a chionn gur Iudhach e! So staid agus cor a phobuill so; agus thugamaid fainear, bho ’n àm ’s na dh’fhàg iadsan Ierusalem, cha do shocraich finne no sluagh eile riamh ’s a bhaile mhòr sin, dìreach mar a thuirt Lucas, xxi. 24—“Bithidh Ierusalem air a saltairt sios fuidh na Cinnich, gus an coimhlionar aimsire nan Cinneach.” Ach ged tha i bho cheann iomada latha agus lìnn air a saltairt fo na Cinnich, gidheadh, cha do cheadaicheadh do dh’aon bhuidhean dhiu’ fuireach innte car ùine sam bith. Bha i fo cheansal do na Romanaich, na Saracenich, na Turcaich,—do na h-Eiphitich, na Mamelicich, agus mòran eile; ach cha ’n eil finne dhiu’ sin nach eil ag amharc orra féin mar choigrich gun chòir air an dùthaich. Ach tha latha nan Iudhach a tighinn,—thig e gu cinnteach. ’N uair a rùisgeas Dia, mar san aimsir a chaidh seachad, a ghàirdean as an leth, IOMPAICHEAR iad fhathast a chum creidimh an t-soisgeil—bheirear air an ais iad do ’n dùthaich féin, agus thig an t-àm anns an abair Tighearna nan sluagh, Sech. viii. 20—23, “Fathast tarlaidh gu ’n d’thig mòran dhaoine, agus luchd-àiteachaidh mhòrain bhailtean: agus theid luchd-àiteachaidh aon bhaile gu aon eile, ag ràdh, Rachamaid da rìreadh a dheanamh ùrnuigh an làthair an Tighearn, agus a dh’iarraidh Tighearna nan sluagh: theid mise mar an ceudna. Seadh thig mòran shluagh, agus cinnich chumhachdach a dh’iarraidh Tighearna nan sluagh ann an Ierusalem, agus a ghuidhe an làthair an Tighearna. Mar so deir Tighearna nan sluaigh, Anns na laithibh sin tarlaidh gu ’n dean deichnear greim, as uile chànuinibh nan cinneach, eadhon gu ’n dean iad greim air sgiort an tì bhios na Iudhach, ag ràdh, Theid sinne leat, or chuala sinn gu bheil Dia leibh.” Cha d’rinn sinn ach Eachdraidh Spioradail nan Iudhach fhosgladh a mach. Theid sinn air ar n’aghaidh na dhéigh so ’chum barrachd a chur m’ur coinneamh. Thig gach gealladh a thug Dia seachad mu dheidhinn an t-sluaigh so gu bun;—dorcha mar tha chùis cha’n ’eil teagamh ann. Bitheadh na h-Iudhaich cho tàireal, ìosal, suarrach, sanntach, saoghalta, seòlta, ’sa thogras an nàimhdean a ràdh, ach cha dì-chuimhnich sinn nach do sheas riamh air an t-saoghal daoine bha coltach riu, no b’urrainnear a choimeas riu. [TD 38] Cha’n ’eil fo lic, no fo’n fhòid, ùir dhaoine ’dh’fhaodar a choimeas riusan naoimh Phalestine, a thio’laiceadh ann an uaighean Israeil. ’Robh daoine ann air an cualas riamh iomradh ann an eachdraidh an t-saoghail coslach ri cuid dhiu’san a bha nan Iudhaich? C’àit am bheil neach r’a fhaotainn coslach ri Daibhi’ mac Isse, a’ togail air teudan bìnn na clàrsaich cliu an Dé is àirde, seachd uairean ’san latha? O! thig an t-àm anns an iòmpaichear na h-Iudhaich—anns am pìll cuid dhiu’ chum an dù’cha féin. Asda fhathast thig Daibhi’ eile—Salmadair binn a thogas òran nuadh—“Thugaibh moladh do’n Tighearna, oir tha e gràsmhor—gu bràth mairidh a throcair.” Guidheamaid uile air ann an creideamh seasmhach—Greas an latha anns an toir thu stigh do phobull féin. Tog dhuinne agus do’d t-Eaglais féin, Iudhaich eile coslach ri Pòl; agus a nis, ’nuair ’tha Eaglais Chriosd air a srachdadh as a chéile le strì agus mì-run. le farmad agus gamhlas,—’nuair a chi mi luchd-turuis agus oil-thirich thruagh a tha air an t-slighe gu tìr na sìthe ’s na réite, far am bheil gràdh siorruidh a lionadh gach cridhe, ’cur a mach air a chéile agus ann an naimhdeas, tha fadal air m’ anam airson teachd an latha ghlòrmhoir anns nach bi farmad aig Ephraim ri Iudah, agus anns nach sàruich Iudah Ephraim—an uair a thig a mach bho Ephraim agus bho Iudah, Daniel eile, agus Eoin eile, agus daoine sìochail, gràsmhor eile, mar shoilleireachadh air cumhachd Dhé—agus a théid iad a mach a shearmonachadh soisgeul Chriosd, na’m fianuisean Air-san do gach cearn de’n t-saoghal. Amen. T. II. NA COSAMHLACHDAN. MU NA COSAMHLACHDAN A LABHAIR AR SLANUIGHFHEAR—AN SEADH, AGUS AN DOIGH MHINEACHAIDH. AIREAMH I. THA Cosamhlachd a ciallachadh a bhi ’coimeas, no ’co-shìneadh dà nìth a tha cosmhuil r’a chéile: mar a tha’m focal féin co-shamhlachadh a leigeil ris. Ach anns an Sgriobtur tha’m focal so a ciallachadh, soilleireachadh air nithibh spioradail le sgéul, no cunntas mu nithibh nàdurra a tha ’co-fhreagairt dhoibh: agus tha’n doigh so air fìrinnibh spioradail a leigeil ris, so-thuigsinn, agus so-chuimhneachaidh. Tha i ni’s freagarraiche do chàil, agus do chleachduinn chlann nan daoine, na dòigh theagaisg air bith eile, a b’urrainear a ghnàthachadh. Tha Criosd gu dearbh a labhairt ann am Mata xiii. 11—15., mar gu’m bitheadh e a cleachduinn chosamhlachdan a chum ’s nach ruigeadh an sluagh air an fhìrinn a bha air a filleadh a steach annta. Ach thugamaid an aire dha so—cha’n ’eil e a labhairt mu shluagh an t-shaoghail—mu dhaoin’ am bitheantas ’san àite so—ach mu earrainn de na h-Iudhaich—muinntir mar a chithear, rann 15, a [TD 39] “dhuin an sùilean,” a chuir rompa nach tuigeadh, ’s nach creideadh iad. Bha na cosamhlachdan dorcha dhoibh so, mar a bha a mhìorbhuilean gun drùghadh, gun dearbhadh dhoibh, a chionn gu’n do chuir iad rompa ciod air bith oibre cumhachdach a dheanadh e, gu’n àicheadh iad e, ’s gu’n iarradh iad comharran ùra—ach cha’n ann aig cosamhlachdan, no aig mìorbhuilean a bha choire so. Tha e fìor gu’m bheil e ni’s usa do dhuine aig am bheil inntinn chearr, agus fhiar, an fhìrinn a thoinneadh, ’sa shnìomh, an uair a tha i air a labhairt fo sgeadach’ cosamhlachd, na tha e an uair a tha i air a cur fa chomhair an cainnt luim, réith—dìreach mar a tha e ni’s usa do dhuine, cainnt shamhlachail nan Dàn fhiaradh, na tha e cainnt lomnochd, shoilleir na h-eachdraidh. Ach aig an àm cheudna, cò aig nach ’eil fios gu’m bheil a chainnt so, mar a tha i aguinn an iomad Dàn, agus gu h-àraidh ann an rannaibh milis “Salmadair binn Israeil”—sgeadaichte, mar a ta i, le iomad samhladh snasmhor, àillidh, agus air a soilleireachadh le iomad coimeas maiseach, fìnealta—fada ni’s drùightiche aig an àm—ni’s usa ’chuimhneachadh, ni’s taitniche r’a luaidh, ’s r’a h-aithris, na cainnt air bith eile. An uair mata a tha teagasg tré chosamhlachdan ni’s mì-fhreagarraiche dhoibhsan a tha roghnachadh dorchadas roimh sholus—a tha toileach gach seòladh a’s gach comhairle ’thionndadh air falbh uatha féin, tha’n dòigh so ni’s freagarraiche agus ni’s fearr dhoibhsan uile a tha ann an treibhdhireas agus am fìrinn, ag iarraidh soillearachadh, a’s seòladh gu Dia, a’s gu neamh; ’s mar iarr daoine seòladh leis an inntinn so, cha tig dìlinn a gheibh iad e, gu dé air bith na teagaisg a chuirear fa’n comhair. Tha na cosamhlachdan a dh’fhàg Criosd aguinn a toirt mòr sholuis dhoibhsan uile a tha’n déigh air an t-sholus. Tha iad a soilleireachadh na tuigse—tha iad a teòghadh a chridhe—tha iad ag iadhadh mu’n chuimhne, ’sa dlù-leantuinn rithe, mar nach ’eil dòigh aithris, no theagaisg air bith eile ’deanamh. Gabhaibh an sgéula sin a tha aguinn ann an Lùcas xv., mu’n mhac struidheil—mu amaideachd, mì-thaingealachd, agus ceannairc a mhic sin, ann e dh’fhàgail tigh an athar a bu chaoimhneile, ’sa b’fhearr—a thur-lomadh ’sa bhochduinn—a thàmailt ’sa thruaighe an uair a chaith e a mhaoin, ’sa thréigeadh e le combanaich amaideachd—a throm bhròn, ’sa ghéur aithreachas an uair a thainig e gu céill—ath-philleadh gu tigh athar, agus gu sònruichte, iochd, bàigh, agus caomhalachd an athar sin a ghabh ris gu gràsmhor, agus a ghràdhaich e gu saor. Seallaibh air an sgéul ro dhrùighteach, ro bhlasda a tha ann an so, agus cò nach abair gu’m bheil e a teagasg dhuinn amaideachd agus ciont’ an duine ann an Dia a thréigsinn—cor ìosal, agus bochd, agus truagh’ a pheacaich an-diadhaidh—nàdur an aithreachais, agus saor ghràs ar n’athar neamhaidh, fada, fada ni’s soilleire, ni’s taitniche, ni’s drùightiche, na ghabhadh so deanadh, le a mhàin innseadh anns a chainnt a bu phoncaile, gu’n robh e mearachdach, agus amaideach do’n duine, sonas iarraidh o’n t-shaoghal, a’s o’n pheacadh—gu’m bheil truaighe an lorg a pheacaidh: ach an tì a ni [TD 40] aithreachas, agus a philleas ri Dia gu’m faigh e maitheanas, agus beatha. Tha cosamhlachdan ar Slànuigh ear mar so gu léir: oir b’aithne dhà ar cruth, ’s ar dealbh—ghabh e ar nàdur chuige féin; agus mar neach aig an robh faireachduinn air ciod a bha’n cridhe an duine, labhair e ’san dòigh a bu fhreagarraiche, ’sa b’fhearr gu ar teagasg. Tha na cosamhlachdan a dh’fhàg e aguinn, ro phrìseil am beachd a shluaigh air feadh gach linn. Tha iadsan ga’m meas “mar ùbhlan òir ann an dealbhan airgid” (Gnàth. xxv. 11.), agus a sìor dhearcadh orra le déigh ’s le dùrachd. Tha a thréudsan ag ionaltradh orra mar chlùainean glasa làmh ri uisgeachan cùiin, ’sa faghuinn beatha annta. Agus is ion dhuinn a thoirt fainear, gu’m bheil na cosamhlachdan luachmhor, cha’n ann a mhàin airson na ceart fhìrinn a tha gach aon diubh fa leth a soilleireachadh; ach tha gach aon diubh ga’r seòladh gu mòran fhìrinnean eile, mu thuigeas sinn iad gu ceart. Tha Criosd, cha’n ann mar gu’m b’ eadh air thuaireamas, a deanamh greim air a chleachduinn so, no air a chleachduinn ud eile am measg clann nan daoine, agus ag ràdh gu’m bheil nithean ’san t-shaoghal spioradail car cosmhail riu sud. Ach tha e le ’theagasg a leigeil ris duinn gu’m bheil na nithean sin a shocraich Dia ’san t-shaoghal fhaicsinneach m’ar timchioll, agus ann an nàdur mhic an duine, nan samhlaidhean fìor agus riochdail (ged is fann), air na nithibh a shocraich, agus a dh’òrduich Dia ’san t-shaoghal spioradail. Mar so tha iomradh aguinn air rioghachd Dhé ’san t-shaoghal so, cha’n ann gu cinnteach a chionn gu’n do thachair do rìghribh, ’s do rìoghachdaibh éiridh a suas air thalamh, agus gu’m faca Criosd gu’m freagradh an uachdranachd a tha an so mar shamhladh air àrd-uachdranachd Dhé os ceann an anama: ach shocraicheadh Rìghrean air thalamh, a chum ’s gu’m bitheadh iadsan le méud an cumhachd, le gliocas, agus le maitheas an riaghalaidh, le’n duaisean, agus le’m peanasan, le’m mòrachd ann an ceartas, as ann an iochd—gu’m bitheadh iad marso nan samhlaidhean ’snan cuimhneachain airsan a tha na Rìgh “air neamh nan neamhan”—airsan is e “Rìgh nan rìghrean as Tighearnan nan tighearna”—gu’m bitheadh iad a toirt fianuis, mar gu’m b’eadh, air a riaghladh as air a sdiùradh-san. A rithis, tha iomradh aguinn air “Grian na Fìreantachd” agus air solus a bhi ’g éiridh air dorchadas an anama—cha’n ann a chionn gu’n do thachair e gu’m bheil soillseachadh an Spioraid ’san anam car cosmhuil ri dealradh na gréine air aghaidh an t-shaoghail—ach tha’n samhladh so air a ghnàthachadh a chionn gu’n tugadh a solus boillsgeach do’n ghréin gu sgéul a thabhairt m’a ghlòrsan a tha chòmhnuidh ann an solus dealrach, glan, nach facas le sùil chorparra, ’s nach féudar fhaicinn—a chionn gu’n tugadh a feartan tlusmhor, brìghmhor, àghmhor dh’ise gu iomradh a dheanamh mu dhrùghadh gràsmhor a Spioraidsan air an anam fhuar, reòta mhàrbh. Agus dh’ fheudamaid iomad soillearachadh eil’ air a chùis so a thoirt seachad. [TD 41] Tha cosamhlachdan Chriosd mata a leigeil ris dhuinn nìth nach faigheadh daoine a mach a chaoidh le’n gliocas féin—agus nìth a tha iad a sìor dhìchuimhneachadh ged a tha e air innseadh dhoibh—gu’m bheil am pàilliunn talmhaidh so air a dheanadh a réir coslais nan nithean a chunnacas ’san t-shliabh—gu’m bheil an saoghal so gu léir le rìghribh agus ìochdrain—le phàrantan, ’s le chloinn—le ghréin, ’s le ’ghealaich—le earrach, ’s le fhogharadh—le sholus, ’s le dhuibhre—le bhrcith ’s le bhàs, na shamhladh, ’s na theagasg air nithibh spioradail, agus sìorruith—gu’m bheil Dia da rìreadh ga’r teagasg ’s ga’r soilleireachadh gach là le nithibh nàdurra, agus faicsinneach a thaobh ar n-anama féin—nan lorgaicheamaid a chéuman, na’n eisdeamaid r’a ghuth, na’n tugamaid fainear a ghnìomharan. Mar so an duine a thuigeas na cosamhlachdan ann nan seadh farsuing, agus spioradail tha aige na làimh aig gach àm, iuchraichean a dh’fhosglas dhà mòran ionmhas—ionmhais gliocais agus eòlais a tha am measg nan nithean sin a tha ghnàth m’a thimchioll—nithean air am bheil daoin’ am bitheantas a sealltuinn gun oidheam, gun suim—mar nithean gun bhrìgh, gun seadh. Gheibh esan anns na mìltean de nithean saoghalta, fàradh air an dìrich a smaointean gu àirde nan nèamh: trìd nan oibrean nàdurra sin a tha dol air an aghaidh gach uair mu’n cuairt dha, gleidhidh e dlùth cho-chomunn r’a Dhia: agus cluinnidh e gach là a toirt sgeòil mu a Thighearna. Chì e gach oidhche cuimhneachain, agus dearbhaidhean air a làthaireachd. Buinidh dhuinn matà, mòr mhiagh a bhi aguinn air na cosamhlachdaibh—beachdachadh orra gu dlùth, agus a ghuidhe gu dùrachdach airsan a labhair iad, mar a ghuidh a dheisciobuill féin, “a Thighearna mìnich dhuinn a chosamhlachd so.” A thaobh am mìneachaidh agus an tuigsinn an uair a dh’fheuchamaid ri nìth no dhà a ràdhuinn mu’n chùis, theireamaid so an toiseach, ged a gheibh sibh car cruaidh ra’m fuasgladh iad ’sa cheud déuchainn, na tilgibh air falbh iad, na cuiribh air cùl iad. Taisgibh ’nar cridheachaibh an seadh litireil féin, mar urrainn dhuibh ruigheachd ni’s faide air am brìgh. Bithibh a smuaineachadh orra, agus gheibh sibh toradh agus brìgh uatha lath-éiginn. Mar a tuig thu iad, theagamh gu’n abair thu ciod air bith co luachmhor ’sa tha iad nach ’eil iad dhùitse ach, mar gu’m b’eadh, cist’-ionmhais, nach urrainn dhuit fhosgladh, no cnò nach urrainn dhuit a bhriseadh, no ruigheachd air a h-eitein. Gleidh thusa a chist’-ionmhais gu cùramach; agus gheibh thu iuchair a dh’fhosglas i, ’sa bheir dhuit làn sheilbh ’na stòrais. Ged nach urrainn thu am biadh a thoirt as a chnò an tràs’ cuir ann an deagh thalamh i, agus ri ùine cinnidh faillean aisde, agus fàsaidh am faillean na chraoibh, agus air a chraoibh iomad cnò. Is iomad creidmheach treibhdhireach, ach neò-fhoghluimte, a fhuair a chùis mar so ’na fhiosrachadh féin—a thaisg a suas seadh litireil nan cosamhlachdan na inntinn—a bha gu minic a beachdachadh orra, agus a fhuair aig a cheann m’a dheireadh na nithean a mheas esan coitchionn, gu’n robh iad da rìreadh [TD 42] naomh—agus gu’n “tug e aoidheachd do ainglibh gun fhios dha” (Eabh. xiii. 2.), a fhuair làn shoilleireachadh orra ann am buinteanais Dhé ris féin fada an déigh dha an tasgadh na chuimhne, agus a tharruing mòr shòlas as mòr ghliocas uatha. Gu labhairt ni’s faide a thaobh am mìneachaidh—tha feadhain a tha arson seadh spioradail a thoirt do na nithibh is ro mhine air am bheil cunntas aguinn annta. Ach cha’n ’eil so ceart. Tha na nithean nàdurra air am bheil aithris aguinn annta, ’nuair a ghabhar iad am pàirt a cheile, no fo’n aon sealladh, nan samhladh air nithibh spioradail: gidheadh cha’n ’eil sìnn ri smaoineachadh gu’m faigh sinn co-chòrdadh anns na h-uile lide eadar an seadh litireil, agus spioradail, nì’s mò na tha sinn ri chreidsinn an uair a tha fear-Eachdraidh, no fear-Dàin a coimeas gaisgich thréin ri leòmhan, gu’m bheil e a ciallachadh gu’n robh an gaisgeach sin ann an cruth ’s ann an dealbh—anns gach dòigh agus cleachduinn, cosmhail ris a bheathach ro mhisneachail, agus ro chalma sin. Tha iad cosmhuil ann am misnich ’s ann an curandachd; ach ni’s faide na so, cha bhuin e dhuinn an co-choslas a leanmhuinn. Do réir so, anns an Sgriobtur, bha pàilliunn na Fianuis a thogadh anns an Fhàsaich, na shamhladh air fìor Eaglais Dhé air thalamh, agus air neamh mar an céudna. (Faic Eabh. viii. ix.) Bha cùirt nan Sagartan, far an robh iadsan a sìor dheanamh seirbhis do Dhia, na samhladh air an Eaglais sin far am bheil ìobairtean spioradail air an ofrail dhàsan a ghnàth le fhìor shluagh féin: agus bha “an t-ionad ro naomha,” far an robh làthaireachd Iehobhah air a foillseachadh, na shamhladh air “neamh nan neamhan.” Ach cha’n ’eil duine tuigseach air bìth, a theireadh uaithe so, gun robh seadh, no brìgh spioradail aig gach crann agus gach cnaig—aig gach cromaig, agus ailbheig de’m pàilliunn sin. A rithis, tha diadhairean am bitheantas a co-chòrdadh uime so—nach ’eil sinn ri teagasg ùr, no teagasg air leth, a stéigheachadh air cosamhlachd a mhàin. Tha iad air an labhairt gu fìrinnean a tha air an cur an céill an àitibh eile de’n Sgriobtur a shoilleireachadh, a dheanamh so-thuigsinn agus so-chuimhneachaidh. Ach ma tha thu’m beachd gu’m bheil thu a faicinn teagaisg, no fìrinn ann an cosamhlachd nach’ eil air a h-ainmeachadh ann an earrainn air bith eile de’n Bhìobull tha so na dhearbhadh gu’n do thog thu a chùis ann am mearachd, agus nach fìrinn a tha agad. ’Se na their sinn ni’s faide mu mhìneachadh nan cosamhlachdan, gu’m bheil e ro fhéumail gu’m faigheamaid ’sa chéud dol a mach, sealladh soilleir air ciod i an fhìrinn shònruichte a tha aon diubh a labhairt ruinn. Mar so ann an cosamhlachd nan òighean, ’se tha air a theagasg dhuinn gu h-àraidh, gu’r còir dhuinn faire ’dheanamh a chionn nach ’eil fios aguinn cuin a thig gairm a bhàis oirn. ’San ath-té a leanas—cosamhlachd nan Tàlandan—’se ’tha air a sparradh oirn, gu’m féum sinn a bhi dìleas, dlùth, deanadach, ann an seirbhis an Tighearna, agus gur leòir leisg, no mì-chùram gu’r sgrios, ged nach bi peacadh gràineil air bìth o’n leth ’muigh r’a [TD 43] agairt oirn. A nis an uair a gheibh sinn greim air a phriomh fhìrinn so—an uair a gheibh sinn sealladh air an aobhar àraidh arson an do labhradh an cosamhlachd, tha e furasda an còrr a thuigsin—na poncan is lugha a dheanamh a mach. Agus tha iad so r’an deanamh a mach le beachdachadh gu cùramach air ciod a thàinig roimhe, agus a tha tighinn na dhéigh. A bhàrr air a so, tha aguinn ris a chosamhlachd a rannsachadh mar gach earrann eile de’n Bhìobull, le bhi coimeas sgriobtuir ri sgriobtur—a co-shìneadh nithean spioradail ri nithibh spioradail—le bhi beachdachadh air a seadh le furachras, le faicill, le irisleachd; agus os ceann nan uile, le bhi guidhe air Criosd gu’m mìnicheadh e a chosamhlachd dhuinn—gu’n cuireadh e spiorad na fìrinn gu ar treòrachadh ’chum na fìrinn. An duine a nì mar so, gheibh e aobhar taing d’a Shlànuighfhear arson gu’n do labhair e co minic ann an cosamhlachdaibh—gheibh e annta solus a leigeas ris dha gu’m bheil Dia a ghnàth a riaghladh air an talamh, co maith agus air neamh—gu’m bheil e aig a làimh dheis agus chlìth gach làth—a gabhail cùram dhesan, agus do gach dùil, agus cluinnidh e guth anns gach nìth, a còmhradh ris mu ’Athair agus mu ’Dhia. ’San ath àireamh bheir sinn mìneachadh air cosamhlachd an t-shìoladair—a cheud té a tha aguinn anns an t-Shoisgeul a réir Mhata. F. B. III. COMHRADH FEASGAIR AN TIGH A MHAOIR—AM MAOR AGUS AILEAN CROITEAR. Maor.—Gabh a nìos Ailean; cha tric leatsa tighinn air chéilidh a choimhead do chàirdean,—’s ro thaitneach leam t-fhaicinn. Suidhibh mun cuairt ’illean beaga, ’s deanaibh àite do dh’ Ailein còir. Léughaidh e Gàelic nis fearr na h-aon agaibh: gabh a’ nall mar so, agus suidh sa chathair mhòir. Ailean.—Na cairichibh a chlann, na cairichibh; bha mi ’dol seachad, agus smaoinich mi bho’n bha ghealach co soilleir, ’s an oi’che co fada gu’n tiginn a’ stigh a dh’fhaotainn naigheachd an t-saoghail bho’n Mhaor. Chuala mi gu’n robh thu sgrìob bho’n bhaile ’o na chunnaic mi roimhe thu, ’s tha fhios a’m gu bheil cluas an uachdarain aig a Mhaor, agus gu’n cluinn e nithe air nach ruig créutair bochd mar mise. C’aite bheil i féin, “mionach an tighe,” mar a thubhairt Eachan-nam-port—c’àite bheil bean-an-tighe? Maor.—Cha’n ’eil i fad’ air falbh, bithidh i ’n so an tiota beag; dean suidhe. Bi tapaidh Eoghain bhig a laochain, ’s tilg spealgan de’n ghiuthas sin a tha sa chùil air a ghealbhan. Tha agam an so Ailein, giuthas a bha fo’n mhòintich, m’an robh mìr guail an Sasunn, no Cam’ronach an Lochabar. Tha e co caoin ri spong, ’s cha’n fhaca tu riamh teine ’s cridheile agus is suilbhire na ni e,—air t-athais a sheòid, foghnaidh sin. [TD 44] Tha agam an so Ailein, leabhar ùr Gàelic a thainig oirnn an diugh féin, ’s bha mi ga léughadh mar a tharruinn thu féin ’s an oi’ch’ orm. Ailean.—Ciod an leabhar a thainig a nis oirnn? Ma ’s Gàelic e tha mi suarrach mu dhéidhinn. Cha do thachair Gàelic orm an leabhar bho cheann fhada ’s urra dhomh ’léughadh le tlachd,—’s taitniche leam a Bheurla thioram, uasal, i féin, na’n seòrsa Gàelic a tha nis a’ falbh an leabhraichean—tha i gun bhlas, gun salann: tha mi air bharail nach fìor Ghàidheil a tha ga’n cur a mach,—seòrsa de Ghàelic air a h-oibreachadh suas le mòran saothair—le focail fhada, shliobasda, shlaodach, air an droch shnuim r’a cheile, a leithid ’s nach cuala tu riamh á beul buachaille, no idir idir bho bheul caillich—cha’n ’eil i dìreach nàdura. Maor.—Air t-athais a charaid—neo’r-thaing mar ’eil Gàelic mhath ’san leabhar ùr so—Gàelic a thuigear leis gach neach aig a’ bheil Gàelic, bho thuath gu deas,—tha fàile glan nam beann a ruith troimh gach duilleig dh’i—cha do thogadh air cìch Ghallda riamh iadsan a chuir r’a cheil’ i, agus cha’n ’eil duin’ eile ’s luaithe ’chi so na thusa. Ailean.—Ro mhath a Mhaoir: ach mu’n teid sinn n’is faid air ar n’ aghaidh ’san t-seanachas, c’ia uime ’tha ’n leabhar ùr? Am bheil ainm no sloinneadh aige? Maor.—’Se’s ainm dha “Fear tathaich nam Beann.” Ailean.—Ro-mhath, tha’n t-ainm Gàedhealach ni’s leòir, ged is iomad fear tathaich neonach a tha nis a taghal nam beann. Ach ciod a tha aige ri ràdh? Maor.—Tha ’na bheachd culaidh sheanachais ghlic, ghrùndail, a thoirt dhuinn mu gach nì ’s cudthromaiche, agus is taitniche; agus fhad ’sa chaidh mi troimhe tha mi anabarrach toilichte leis; agus ’s gann gu bheil nì ann nach faoda’ tu ’léughadh le tlachd do ’d theaghlach air latha na Sàbaid. Ailean.—Ro-mhath, Fhir thathaich nam beann! ’S fhad’ bho na chuala mi “’s òg a’ nollaig a cheud oi’che;” ach a dh’innse dhuit na fìrinn, tha sian de dh’amharas agam a thaobh nan leabhraichean ùra Gàelic a tha tighinn oirnn,—gun dol ni’s faide ’null no nall, ma ’sann a chum connspaid, agus deasbaid, mu ghnàthannaibh, ’s mu riaghailt Eaglais a tha e tighinn, cùl mo làimhe ris. Tha mi seachd sgìth d’a leithid sin,—tha’n dùthaich sgìth dh’e. Tha mis’ ag ràdh riut gu’n robh de chonnsachadh, de dh’fharpuis mhuladach, de dhi-moladh, ’s de chàineadh, am measg dhaoine ’sna h-àiteachan so bho cheann beagan bhliadhnachan na’s nàrach r’a éisdeachd. ’S ann a tha seòrsa de sgàth orm féin an rathad-mòr a ghabhail le seann luchd-eòlais. Nach ’eil sìth ’us seirc eadar choimhearsnach an diugh air cead a ghabhail de’n dùthaich? Ma theid mi do’n bhlàr-mhònadh tha connsachadh ann,—ma theid mi do’n chìll féin le giùlan tha connsachadh ann—agus gu truagh air maduinn latha na sàbaid, seallaidh iomad aon de’m luchd eòlais, orm le stùic, agus gruaim, agus tàir. Nach nàrach a’ leithid so? [TD 45] Tha, gun teagamh, na h-uisgeachan searbh so a sìoladh, agus ’s math gu bheil—cha robh piseach, no paillteas, no soirbheachadh ’nar dùthaich bho na thoisich e:—’nis a Mhaoir, cò air bith iad a tha ’cur a mach an leabhair ùir so, “Fear tathaich nam beann,” ma thig e oirnn an spiorad sìth, ni mi féin a bheatha, agus gheibh e aoidheachd am thigh. Sgiùrsadh e peacadh, agus leisg, agus mì-bhéus, agus misg, agus amaideachd, agus aimhreit, agus bréugan, gu cnaimh an droma; ach na càineadh e daoine, no Eaglaisean, no ministirean, no sagartan.—Tha rathad aige-san, ’s rathad aca-san—d’am Maighistir àrd féin seasaidh no tuitidh iad. Leanadh esan rathad-mór glan na Fìrinn—bitheadh e ceanalta, suairce—seasadh e còir nam bochdan—seasadh e gach ni a chi e ceart agus dligheach; ach deanadh e so ann an spiorad tlusmhor, ciùin—deanadh e so agus cha’n eagal da. ’S i mo bharail féin gu bheil cuid de dhaoine math anns gach Eaglais, agus, gu truagh, ’s furasd’ fhaicinn gu bheil mòran de dhroch dhaoine annta,—agus ’s dacha nach ’eil eaglais choimhliont’ am measg dhaoine. Buinidh do gach Eaglais, uimesin, siobhaltachd, irioslachd, agus seirc a nochdadh. Maor.—Tha thu ceart, Ailein, ach ’se sin dìreach na tha’n leabhar so ’gealltainn a dheanamh. Ailean.—Am bheil clàr-innsidh aige? Maor.—’S ann aige tha, ann an clàr an aodainn; ach ’s ann ’sa Bheurla tha e, ’s cha’n ’eil guth air c’arson. Ailean.—’Se sin am fasan—’se sin is uaisle! Nach faic thu ’m Marsanta mòr so shuas: nach ’eil ainm féin ’s ainm gach trealaich a tha na bhùth, air an sgrìobhadh osceann an doruis aige ann am Beurla chruaidh Shasunnaich, nach léugh fear ’san fhichead a thig an rathad: ach coma sin, tha e uasal. Léugh an clàr-innnsidh,—tha de Bheurla agamsa, math a dh’fhaoidte, na thuigeas e. Maor.—.Ni mi sin, * * * *. Bheil thu ga thuigsinn? Nach gnothaichean math a tha na bheachd? Ailean.—Cha’n fhaod mi ’ràdh nach iad. Cha’n urrainn duinn a léughadh uile ’nochd, ach bu mhath leam éisdeachd ciod a tha “Caraid nan Croitearan” ag ràdh: cha’n ’eil teagamh agam nach ’eil e ’togail burralaich nam paipearan-naigheachd eile ’n aghaidh nan Gàedheal—leisg nan Gàedheal—na lùndairean—na slaoid!! Léugh mi so a’m paipearan-naigheachd a bh’aig a Ghàidseir Ghàllda, agus nithe bu mhiosa na so. Maor.—Cha’n e sin idir is cainnt do’n leabhar so:—bitheadh e mar a thogras e na dhéigh so, tha e siobhalta, suairce, ni’s leòir fhad ’sa chaidh e; agus mar ’eil mi meallta tha e co eòlach air tìr nam beann, deas ’us tuath riutsa, na riumsa: ach cluinnea’maid bho ’bhéul féin na tha e ’g ràdh. Bithibh sàmhach a chlann, ’s léughaidh mi litir Charaid nan croitearan do dh’Ailein. Eoghain bhig,—sconn no dhà de’n ghiuthas air a ghealbhan, ’s dean suidhe sios—na gluaiseadh a h-aon agaibh gus an sguir mi. [Léugh am Maor an litir do dh’Ailein, agus dh’fheòraich e ciod a bharail air na bha innte.] [TD 46] Ailean.—Matà cha’n fhaod mi ’ràdh nach ’eil an litir ’sna tha innte dealbhach, coltach ni’s leòir,—cha tig dhomhsa barail bhras a thoirt, ach da-rìreamh cha leth-Ghàedheal a sgrìobh i. Tha e labhairt gu poncail, glic, grùnndail ni’s leòir. Tha mòran de’n fhìrinn aige, agus anns na h-uile focal a tha e ’g ràdh mu Ghàradh-càil, “’s mi bha thall ’sa chunnaic e.” Cha bu bheag am féum a rinn e dhuinn ’sa bhliadhna ’chaidh seachad. Ged nach bitheadh ach a liutha làn math meadair a thug e dhuinn de chàl-ceanann féin, gun tighinn air na h-uinneanan, na currain, am fiaran, ’s gnothaichean eile ’b uaisle na càl, a’s tùirneap. Bha cuid de cheirslean càil agam a bha co mòr ri maodal caorach, de’n chàl a fhuair mi á gàradh an tighe-mhòir. Ach a Mhaoir, innsibh so dhomh,—cia mar tha dùil aige-san a sgriobh an litir so gu’n cuir daoine bochda dùnadh mu ghàradh-càil—gu’n réitich iad e—gu’n tiormaich—gu’n ruamhair—gu’n àitich iad e mar a dh’fhéumadh e dheanamh, ’s gun aonta ac’ air—gun bharantas nach cuirear a mach iad air an ath-bhliadhna? ’S nach bi h-uile fearas-tighe ’rinn iad na chulaidh-fharmaid, ’s na chulaidh-bhuairidh do dhaoin’ eile àrdachadh màil a thairgse? Thugadh na h-uachdarain aonta do dhaoine—deich no dusan bliadhna, agus an sin chitheadh tu gàraidhean-càil, ’s fearas-tighe: ach tha eagal na h-imrich na bhacadh mòr ’san rathad. Maor.—Tha iomad bòcan, Ailein, ’san rathad ’nuair a tha féum air saothair, ’s air cosnadh, ’s air cruadal. Bha’n nì céudna ann an làithibh Rìgh Solamh. Nach ’eil esan ag ràdh, “Their an leisgean, tha leòmhan a muigh air na sràidibh, marbhar mi.”—Gnath. xxii. 13. Ailean.—Tha sin ro-mhath, ’s furasda bhi bruidhinn, ach cha’n fhaic mi gu bheil e réusanta, iarraidh air duine bochd fearas-tighe de’n t-seòrsa ’dheanamh, ’s gun bharantas a thoirt dhà, nach cuirear e féin a mach air a Bhealtainn, no a bhàntrach bhochd, ’sa dìlleachdain ma dh’fhalbhas esan. Maor.—Nis, Ailein, innis so dhomh: Nach ro ainmic a chuala’ thusa riamh, croitear bochd, dìchiollach, onarach, sìobhalta, a bha strì gus a mhàl a dhìol mar b’ fhearr a dh’fhaodadh e, a chuireadh a mach gu àite ’dheanamh airson fir eile? Nach ’eil fios agad gu bheil croitearan ’us tuath air an oighreachd so féin a tha fada air deireadh ’sa mhàl, agus cuid nach ’eil aon chuid, saoithreachail no dìchiollach, agus gidheadh, cuin a chuireadh a h-aon aca ’mach? Tha cuid de dhaoine ’sìor ghlaodhach an aghaidh nan uachdaran,—Na h-uachdarain! Na h-uachdarain! nan deanadh iad sud, ’us nan deanadh iad so bhitheadh an dùthaich gu math dh’e. Am bheil coire idir aig na h-ìochdarain? Cha’n ’eil cainnt is amaidiche, agus faodaidh mi ràdh, is bréugaiche na chluinneas tu ’nis á béul cuid de dhaoine mu thimchioll nan Tighearna Gàedhealach, mar gu’m biodh mar fhiachaibh orra-sin, cha’n e amhàin tighean agus croitean a thoirt do gach aon gun mhàl, ach biadh ’us lòn a thoirt do mhòran diubh! Faic na marsandan mòra Gàllda air am bheil na h-uiread de mholadh a nis am measg dhaoine—marsandan a dh’éir- [TD 47] ich bho’n bheairt, agus bho’n bhara-roth, gus na mìltean agus na ceudan mìle a chur ri chéile air tàile an luchd-cosnaich. Co luath sa thig a chùis nan aghaidh, cha dean iad ach am mùillean mòr a dhùnadh—car a chur ’san iuchair—an teine a tha fo’n t-siomalair-mhòr a smàladh as, agus a h-uile mac màthar, sean ’us òg a chur a mach air an t-sràid, gun fheòraich am bheil béul air an éudan, no’m bheil boitein conn’laich ann air an luidh iad. Air a cheart àm so,—tha na mìltean, seadh, leth cheud mìle, ’us corr mar so air an cur na’n tàmh—tha mòran dhiubh ’tighinn dachaidh oirnn an so féin, ’s cò is àirde glaodh ’us gearan na iad an aghaidh uachdarain na dùthcha? O! Ailein, na’m bitheadh de dh’iomairt ’s de riasladh air a dheanamh air daoine bochd ’sa Ghàedhealtachd, b’ àrd glaodh nan Gàll ’s nan Sasunnach. Dh’fhosgladh a h-uile paipear-naigheachd an craos ’nar n’ aghaidh. Cò na marsandan mòra, no na h-uachdarain Ghàllda ’chuala tu riamh a thug tighean, ’us gàracha’-càil, ’us gead buntata, ’s blar mòine, agus iomad nì eile, do bhàntraichean bochd, gun sgillinn mhàil? Ach air a cheart oighreachd so féin, tha dusan a tha faighinn so ann mar tha fios agadsa. Ud! ud! Ailein, ’s còir an fhìrinn a sheasamh, agus ’s aithne dhuinn mac bàntraich de’n t-seòrsa so nach cuir a làmh na bhoineid ’nuair a choinnicheas e an duine math bho’m bheil a mhàthair a faighinn a leithid ’o cheann fhada, agus eadhoin bho’n tainig e féin ’sa dhaoine. Ailean.—Tha thu ceart a’ sin, agus tha fios air na bheil thu ’g ràdh,—cha’n ’eil mise ’ruith sìos nan uachdaran—cha’n ’eil idir, ach ’s ann a tha mi toirt mo bharail a thaobh aontachan, agus barantas nach caraichear daoine ma ni iad fearas-tighe cheart air an croitean,—ach gabh mo leisgeul, chuir mi grabadh ort. Maor.—Bha mi ’dol a ràdh, amhairc féin na croitean a tha ri taobh a chladaich so shìos, agus nach nàrach r’a fhaicinn na tha de dh’fhearann math an sin fo dhrisean, ’s fo rainich; fo fhoghannain, ’s fo chluarain, ’s fo na h-uile seòrsa luibheannaich ’us salachair? Tha, na dheanadh gàradh-càil do na h-uile teaghlach ’sa bhaile. Nach ’eil de chlachan an uachdar, le’n cinn mhaola bhàna nach do charaicheadh as an leapaichean bho làithibh Nòah, air son aon nì ’s fiosrach dhomhsa, na dh’fhòghnadh gu dùnadh a chur mu gach croit, gun tighinn air a ghàradh-chàil? Agus airson luib ’us claisean agus sluic làn de dh’uisge dara leth na bliadhna, a dh’fheudadh iad le fìor bheag saoithir a réiteach,—ach cha réitich—tha bàigh aca ris na clachan ’s ris an luibheannaich, mar oighreachd a fhuair iad bho na daoine ’dh’fhalbh: tha crodh, ’us caoirich, ’us eich, ’sgach seòrsa spréidh’ air an ais ’sair an aghaidh, bho achadh gu achadh, gus am bheil am fearann ’na eabar, ’s na chlàbar, air chor ’sa ’nuair a thig tiormachd an earraich agus teas an t-samhraidh, gu’m bheil e a leachdnachadh, a sgagadh, ’sa sgréitheadh, air dhoigh ’s nach ’eil e comasach oibreachadh—nach dearg crann no caib’ air—nach faigh an gràine sìl leaba anns an urra’ dha freumhachadh; ’san àm an fhoghair chi thu lom-làn copagaich agus shealbhagan, ’sna dheigh sin bithidh daoine a’ gearan nach fhiach am fearann a shaoithreach- [TD 48] adh, ’s nach ’eil féum a bhi ga àiteach,—an ionghnadh ged thigeadh gorta ’s ganntar, ’s ged bhiodh an crodh air an togail ’san earrach? An iarradh tu féin air an uachdaran aonta ’thoirt dhoibh sin? Ma tha iad suarrach a nis mu na h-uile maoidheadh ’us ràidheadh a tha air a dheanadh orra, nach biodh iad deich uairean n’is suarraiche ’n sin. Labhair riu’ agus comhairlich iad; “Tha sin ceart,” deir iad, “ach cha’n ’eil ùine agam an diugh, ni mi ’màireach e—cha’n ’eil fàth cabhaig ann.” Faigheadh iad aonta ged a tha, agus an e so a bhiodh mar chainnt doibh? “Tha mi air mo bhaile-mòr co chuireas as mi.” Sin agad dé theireadh iad, agus trì neo’r-thaing. Ailean.—Air t-athais a charaid—tha mi rithis ag ràdh thoir aonta dhoibh, agus cuireadh an t-uachdaran ’s am bàilli cùmhnanta teann gramail innte, gu’r h-éiginn do na croitearan, sud ’us so a dheanamh—gu’m féum iad am fearann a ghiullachd gu math—an earrann a tha fo bhàrr a dhùnadh gu grunndail, agus àiteach ’sa leasachadh gu riaghailteach ’s gu sgoinneil; ’s mar seas iad ris a chùmhnant’, a mach iad: gun ag an sin cha bhi leisgeul aca. Thoir duais dhoibh, no cuir onair orrasan is fearr a dh’àiticheas an croitean—aig am bheil bàrr is fearr—aig am bheil an gàradh is glaine—an càl ’s na currain is motha. Cuir Maor os an ceann! cha ’n e maor a bhi tathunn as an deigh gach latha, ach maor a sheolas ’sa theagaisgeas iad, a chì gu bheil iad a’ saoithreachadh an fhearainn gu ceart. Dean eisimpleir dhiubhsan is fearr, agus ball-sampuill de na lùnndairean,—cuidicheadh an t-uachdaran leo le frasan gàraidh de gach seorsa, gus am faigh iad blasad dhiubh, ’sa ’sin cha bhi iad as an eugmhais aon uair ’s gu’n cleachd siad iad. Mar so tàlaidh an t-uachdaran air an aghaidh iad le bàigh; agus smachdaicheadh e iadsan air nach drùigh bàigh. Biodh an doigh so air a gabhail riutha, ’s mo làmh dhuit gu faic thu ruamhar ’us treabhadh ’us saothair ’nar measg: ’s ma chuirear aon a mach nach lean na riaghailtean ris na chuir e féin a làmh, co ’ghabhas truas dh’ e? co their gu’n d’ rinn an t-uachdaran gu h-olc? Maor.—Cha’n ’eil thu fad’ am mearachd,—’se sin dìreach a tha sinn ag iarraidh a dheanamh, agus chì thu atharrachaidhean de’n t-seorsa sin an ùine ghoirid air feadh na Gàedhealtachd a bheir mòr-shòlas dhuit. Ach nach aidich thu féin nach ’eil cuid diubh furasd’ a stiùradh, no ’chomhairleachadh? Tha cuid diubh anabarrach leisg, màirnealach: “Ni mi ’màireach e—cha’n ’eil ùine agam an diugh,” ars’ esan, ’sa dhà làimh a’m pòcaibh na brigis, a thaice ri balla an tighe, ’s pìob na chraos. Tha dàil mar so ga chur ann an nithe nach gabhadh leth.uair an uaireadair ga’n ceartachadh. Ailean.—Cluinneam soilleireachadh air a’ sin—ainmich dhomh ciod a tha ’n ad’ bheachd? Maor.—Ni mi sin ma gheallas tu nach gabh thu gu h-olc na chanas mi. Ailean.—’Ne mise? Gu dearbh cha’n ann de’n t-seòrsa sin mi—gabh air t-adhart. [TD 49] Maor.—Bha mi bho cheann latha no dhà a’ gabhail an rathaid seach tigh croitear àraid nach ainmich mi; duine tuigseach, poncail; tha gàradh-crìche mu thimchioll a chroite féin agus croit a choimhearsnaich, ach thuit cuid dh’e bho cheann cheithir-là-déug, bealach nach bu mhò na dorus tighe. Thachair dhomh ’bhi air m’ ais ’s air m’ adhairt, ’s chunnaic mi aon latha, an àite am bealach a bhi air a chàradh le cloich, fàradh air a chur tarsuinn na mheadhon, ràmh os ceann an fhàraidh, ràcan agus spàid tarsuinn, no trasd’ a chéile fuidhe: ach ciod a thachair ach gu’n do mhothaich mi bò mhaol chean-fhionn a’ toirt aghaidh air a bhealach. Chuir i a ceann maol fo na maidean—le aon sitheadh sgap i sud ’sa so iad. Chuir i am fàradh na sgonnan, ’s cha b’ e an ràcan a b’ fhearr dìol. ’S beag smuairean a chuir sud air a bhoin—ghabh i na ruith ’s na deann-ruith do’n iollainn far an robh am mullan arbhair. Bha ’ceann ’sa h-amhach as an t-sealladh a thiota. B’eòlach air i. Mach a thainig an sguab fo cosan. Ach a mach cuideachd thainig bean an tighe air bhoile ’s air bhàinidh gun churrachd, gun bhròg, ’us maide-poite na làimh,—a mach a chlann, ’sa mach an cù. Air falbh theich am ’mart maol,—sguab aice na craos, ’s air feadh a’ chàil ’s na tuirneip ghabh i. A leithid de dh’ùpraid, ’s de dhonnalaich, ’s de ghleadhraich cha chuala mise riamh! Ma dheireadh chuir a bho mhaol a h-uchd ris a bhruthach, ’s thug i an dui’-léum thar a ghàraidh le eagal roimhe ’n t-slacan ’s ro’n mhadadh, ’s leag i bealach eile le ’léum. ’Nis thainig so uile á dàil a chur an càradh a ghàraidh, nì nach gabhadh leth-uair an uaireadair. Am bheil thu ga m’ thuigsin, Ailein? Ailean.—Gad thuigsinn! ’s mi thà, fhir mo chridhe, agus ’s math tha fios agam co tha ’nad’ bheachd, ach stad, agus chì thu nach h-i ’leisg no lunndaireachd a rinn so. Mar a thubhairt thu, tha gàradh crìche timchioll na dà chroite, ’s tha e mar fhiachaibh air a ghréusaiche ’s ormsa an gàradh a chumail suas eadar ruinn. Thog mise am bealach mu dheireadh a thuit, agus ’s ann airsan a thigeadh am bealach so ’cheartachadh. Chaidh mi da ionnsaidh, ach aon latha bha’n cnatan air; làth’ eile bha brògan aige r’a dheanamh do ghille-Gallda bho’n tigh-mhòr; làth’ eile bha aige ri dol a dh’ iarraidh leath’raich; gus an latha dé féin, a bha e r’a dheanamh, ach thainig an dìle uisge, agus ’se sin a bhac e. Maor.—Dìreach mar sin; leisgeul—leisgeul. Nach b’fhearr dhuit gu mòr am bealach a thogail thu féin, agus a thoirt air a ghréusaiche breaban a chur air do bhròig, no fraochan air bròig do mhnatha? Nis tha do bhealach agad r’a thogail an déigh do challdachd fhulang. Ailean.—Sguir dheth,—chi thu’m bealach air a chàradh an ath uair a théid thu seachad. Ach nach bu chòir dhàsan d’am buin a bhò-mhaol am bealach a thogail? Gu cinnteach bheir mi an Tàillear a thug a’ bhò-mhaol Eirionnach mhì-mhothail so ’nar measg gu cùirt. Maor.—Nach cuir thu ’s an Eachdarran i, ’s na leig a mach i gus am pàigh an Tàilleir na thogas am bealach. [TD 50] Ailean.—’Ni bhò-mhaol a chur an Eachdarran? “’Bho-mhaol tha mi ullamh dhiot!” Tha e cheart cho soirbh dhuit fiadh na beine-mòire ’chur a’m fang; agus a dh’innseadh na fìrinn, cha bu mhath leam cur a mach air an Tàilleir féin: ach coma co dhiu’, ni mi suas am bealach. Ach cia mar a gheibh mi “Fear tathaich nam beann?” Maor.—Cha’n ’eil agad ach t-ainm a thoirt do’n mhaighistir-sgoile, agus thig an leabhar dhachaidh a dh’ionnsaidh do dhoruis le teachdaire cìnnteach am màlaid na Bàn-righinn féin—leis a Phosta, uair sa mhìos; ’s ma theid thu féin ’s an gréusaiche cuideachd uime cha chosd e dhuit ach sè-sgillinn ’s an ràidhe—sgillinn-shasunnach ’s an leth-bhliadhna, agus da-rìreamh cha bhi do shùil ’na dhéigh. Nach taitneach dhuinn an déigh obair an latha ’bhi seachad, suidhe sìos an so, ’sa bhi ’léughadh do na balachain na tha ’dol air aghaidh feadh an t-saoghail,—searmoin ghoirid, ghrùnndail, fhaotainn a léughas tu dhoibh, agus cunntas fhaighinn air iomad nì mu’m bheil e prìseil dhoibhsan agus dhomhsa eòlas fhaotainn. Tha’n leabhar a tighinn a mach fo sgéith Eaglais na h-Alba, agus mar sin tha barantas aguinn gum bi gach ni ’bhitheas ann stòlda—fìrinneach gu dheireadh. Tha aona bhuaidh air fhad ’sa chaidh e, cha’n ’eil focal ann a chuireas lasan, no càmpar air neach air bith, no ’dhùisgeas droch nàdur am measg dhaoine. Bho ghrùnnd mo chridhe dùraichdeam buaidh ’us soirbheachadh leis, agus leòsan a tha air a chùl. Ailean.—Mar sin, bu neo-cheanalta dhuinn gun a ghabhail, agus gun fhàilteachadh: ach b’fhearr leam gu’n innseadh iad dhuinn am bheil mòran r’a dheanamh air a bhliadhna-so airson nan Gàedheal ann an cuideachadh leò? Maor.—Leig leò,—iadsan a tha air chùl nan nithe sin cha’n eagal nach dean iad na dh’fhaodas iad, ach b’fhearr gu’n deanadh na Gàedheil na dh’fhaodadh iad air an son féin;—aca féin tha chùis na’n làimh, ’s cha’n ann aig Gaill no Sasunnaich. Taing dhà-san an Tì is àirde a dhiong uiread de dh’iochd as leth ar luchd-dùthcha ’sa bhliadhna ’chaidh seachad; ach ged tha mòran fathast cùl an làimhe de na chruinnicheadh airson nan Gàedheal air feadh an t-shaoghail, tha e fàs ni’s lugha ’s ni’s lugha bho latha gu latha. Thig e gu crìch, agus sin gu luath. ’S éiginn gu’n dùisg àrd ’us ìsiol a chum an dùthaich a theasairgin bho eisiomail a Bhuntàta, agus bho eisiomail dhaoine eile,—’s math agus is ro-mhath a fhuaras Gaill ’us Sasunnaich, ’s anabarrach math a fhuaradh muinntir America; agus an t-Athair naomh a sheasamh agus a dhìon nan càirdean caomh a thagair cùis nan Gàedheal, ’sa chruinnich air an son. Ach tha rath, agus soirbheachadh nan Gàedheal, fo làimh Dhé, an ceangal r’an dìchioll féin, agus tha dòchas agam nach bi iad a cath airson cuideachaidh ’us còmhnaidh bho bhliadhna gu bliadhna, agus nach àraich fial’achd dhaoin’ eile leisg ’nar measg,—cha’n abair mi bheag, ach tha eagal orm. Ailean.—Eagal ort! Nach ’eil fios agad gu’ bheil cuid de dhaoine nach cuireadh boinne falluis dhiubh ri ’m beò na’m faodadh iad. [TD 51] Tha cuid de’n t-seòrsa so ann, ach ciod a dh’éireadh dhuinn mar bhith na thainig oirnn á àiteachan eile. Bha bàs am measg dhaoine—bha na céudan seachad roimhe so mar bhi na rinneadh air an son; ’s ma bha cuid a fhuair nach do thoill, cha’n ann aig na daoine math a chuir dhachaidh an cuideachadh a bha ’choire. Ach nach fearr gu’m bitheadh càileigin de mhì-bhuileachadh ann—gu’m faigheadh feadhainn e nach do thoill e, na gu’m faigheadh aon duine bàs, no gu’n togadh gainne plàigh ’nar measg? Bithidh daoine ’gearan fhad ’sa bhitheas iad beò—sin dòigh an t-shaoghail; ach da-rìreamh cha’n fhaca mi féin mòran ga chur gu droch bhuil, ’s cha’n eil dùil agam gu’m bheil duine r’a fhaotainn co amaideach ’s gur urra’ dha smuaineachadh gum beathaichear Gàedheil le min-bhàin na baigeireachd mar so mòran n’is faide. Slàn leat a Mhaoir, cuir fios a dh’ionnsaidh “Fir tathaich nam beann” focal no dhà thoirt do na h-Uachdarain—do na Bàilli’ean, agus busag bheag ’san dol seachad a thoirt do na Maoir iad féin,—Slan leat. IV. AN CEANNAICHE OG GAEDHEALACH. BHA’N eachdraidh a leanas air a sgrìobhadh bho cheann beagan bhliadhnaibh le duin’ uasal diadhaidh a mhuinntir Dhunéidin, agus ’se ar barail gu bheil i fìor, agus ’se ar dòchas gu faod i math a dheanamh do dhaoin’ òg a léughas i. Bha mi, ars’ esan, an déigh dol thairis air a Chon’ail, agus air mo cheum do’n Oban, ’nuair a thionndaidh mi gu aon sealladh eile ’ghabhail do shean chaisteal Dhunsta’innis. Tha’n aitreabh aosda so anns an robh Rìghrean na h-Alba aon uair a chòmhnuidh, air mullach creige’ dlú do Loch-Eite, an Lathurna, M’an d’fhuaradh a mach gunnacha’ mòra, bha’n Dùn so na dhaingneach làidir. Dlù air a chaisteal tha cladh agus làrach seann Eaglais. agus anns a chìll aosda so tha cuid de Rìghrean na h-Alba air an tiodhlacadh, agus tha na leacan-lighe fo ’m bheil iad nan laidhe fathast air an comharrachadh a’ mach. Sheas mi air cnocan àrd dlù air an Dùn a choimhead mu ’n cuairt domh. B’àillidh am feasgar samhraidh a bh’ann. Bha ghrian a’ tearnadh gu mall do’n mhuir—ag òradh àrd bheanntan agus creagan na Morbh’airn agus Aird-ghour,—bha Lios-mòr, ìsiol, uaine, mar gu’m bitheadh e na shuain air an linne,—bha’n Appin bhoidheach, Loch-nan-eala, agus Meadar-loch, mar choinneil,—bha fuaim agus gàir na Con’ail air oiteig an anamoich, an sruth na dheann a’ ruith a stigh le toirm mhuladaich, do’n loch is àille na gach loch, Loch-Eite,—bha’n seann Dùn e féin ma’m choinneamh, co sàmhach tosdach ris a’ chìll a bha dlù dh’a: cha robh smùid, no léus, cha b’ionnan ’s anns na làithibh a chaidh seachad! Cha’n fhaca mi riamh ar leam spéur bu bhòiche, ’s chluinnt’ air [TD 52] uaireannan farum nan ràmh a mach air a chaol. Sheas mi gus an tug mi fainear gu’n robh a ghrian air dol fodha, gu’n robh am feasgar a’ ciaradh mu’n cuairt domh. Mar bha mi ’gluasad gu falbh, chuala mi, mar a shaoil mi, fonn Sailm anns an t-seann Eaglais. Chuir so iongantas mòr orm, oir cha d’rinn mi ach tighinn a mach as na làraichean briste tamull beag roimhe so, ’s cha ’n fhaca mi duine beò, no creutair ’san àite. Tharrainn mi dlú’ le céum furachail co sàmhach sa bha ’nam chomas, ach cha robh duine beò ’san Eaglais. Bha’m feur fada, ’san eantag, agus leacan agus fòidean na’ marbh; ach ged nach bu léir dhomh a h-aon, bha’n ceòl a’ dol air aghaidh gu bìnn, tiamhaidh, soilleir, mar gu’m b’ ann an teis-meadhoin na h-Eaglais. Bha focail na sailm a bha air a seinn air an labhairt gu poncail, aithiseach, stòlda, agus an sin air an seinn gu ro mhilis le aon ghuth. ’Si Ghaelic a chànain anns an robh na focail air an labhairt, agus bha’n guth leis an robh iad air an seinn mar ghuth òganaich, agus seòrsa de chrith anabarrach tiamhaidh ’na chainnt. Cha’n ’eil fhios agam c’arson, oir cha’n’eil mi idir gealtach, ach thainig seòrsa de chrith orm—seòrsa de sgàth ri éisdeachd guth, ’s gun duine r’a fhaicinn! Chaidh mi ceithir thimchioll na h-Eaglais, ach ged chaidh, ’s ged rannsaich mi h-uile h-àite, cha robh creutair beò r’a fhaicinn, ’s gidheadh, bha’n ceòl, agus fuaim na sailm ag éiridh co fonnmhor ceòlmhor, ’sa bha e air tùs! Ciod so? arsa mise—ciod is ciall d’a so? Fuirichidh mi gu meadhon-oi’che, no gu brise’ na maidne gus a’ faigh mi mach ciod is ciall d’a so. Sheas mi ’s mo thaice ri ceann na h-Eaglais,—stad an ceòl—bha sàmhchair a’ bhàis a’ nis mu’m thimchioll, ach ann an tiota’ beag, thòisich an guth céudna ann an ùrnuigh dhùrachdaich ri neamh. Cha do thuig mi uile gu léir na bha e ’g ràdh, ach bha uiread de Ghaelic agam ’sa thug dhomh aithneachadh gu’m b’ ùrnuigh bhlà-chridheach, dhùrachdach a bh’ann. Bha’n t-òganach a’ gleachd ri Dia ann an ùrnuigh. Bha nis am barrachd iongantais orm na’n uair a chuala mi na sailm,—ghuidh e, cha’n e ’mhàin air a shon féin, ach airson an t-saoghail,—a dhù’cha féin—a chàirdean—Eaglais Chriosd air feadh an t-saoghail, ’s gach ni eile ’tha cubhaidh agus freagarrach ann an ùrnuigh. Sguir e,—bha nis sàmhchair mhòr a’ measg na’n làraichean briste, agus leacan na marbh. Thug mi sùil a rìs a stigh do’n Eglais,—dh’amhairc mi mu’n cuairt domh, ach duine cha robh r’a fhaicinn! Bha mi ann an ioma-chomhairle ciod a dheanainn ’nuair a chunnaic mi òganach a’ tarruinn dlù’ orm bho thaobh na creige air an robh mi a’m sheasamh,—cha do mhothaich esan dhomhsa. ’Saoileam an e so, arsa mise rium féin, esan a bha seinn nan salm agus ri ùrnuigh, ach cia mar a thainig an guth a mach á meadhon na h-Eaglais? Bha e gabhail air falbh ’n uair a ghlaodh mi na dheigh, ’sma bha iongantas ormsa, cha bu lugha bha air-san. Thainig e far an robh mi—òganach tlachdmhor, mu ochd-bliadhn’-deug a dh’aois. Bha màlaid air a dhruim—bonaid ghorm air a cheann— [TD 53] sconn de bhata daraich ’na laimh, ’s deise de bhreacan a rinneadh ’san dùthaich air. An deigh dhuinn a chéil’ fhàilteachadh dh’fheoraich mi dh’e, am b’ esan a bha seinn nan salm, agus ri ùrnuigh? Fhreagair e mi gu modhail, agus dh’ aidich e gu’m b’e. Dh’innis mi dha mar thainig an fhuaim ’sa chainnt orm mar gu’m bitheadh iad a stigh ’san Eaglais a’ measg nan uaighean. “’Bheil fhios agad” arsa mise ris, “a’ bheil a’ ni sin ris an abair iad Mac-talla-nan-creag,* ’san àite so?” “Mac-talla-nan-creag!” ars’ esan, “chuala mi ’m focal gu tric, ach ’s eigin domh aideachadh nach ’eil fhios a’m ciod is ciall da.” Dh’fhéuch mi a mhìneachadh dha mar a b’fhearr a b’urrainn domh. “Cha ’n ’eil mi” ars’ esan, “eòlàch ’san àite so, ’s cha chuala mi riamh iomradh mu dhéidhinn. Bha mi uair no dha ’san Oban, agus feadh na dù’cha, ach cha robh mi gus a’ nochd co dlù’ air an Dùn so.” “Ciod” arsa mise, “thug an so thu ’nochd?” “Mata” deir esan, “innsidh mi sin duibh. Anns an tigh-òsda anns an do chuir mi seachad an oi’che raoir, bha ùpraid, ’us connsachadh, ’us olc, ’us cainnt àrd,—cha d’ fhuair mi cothrom air ùrnuigh ’dheanamh, no idir air cliù ’thoirt do Dhia; agus bho ’n bha mi gu bhi ’nochd an tigh-òsda eile, smuaintich mi nach bitheadh mo chothrom ni b’ fhearr,—chaidh mi uime sin ceum gu taobh, agus anns an àite shàmhach chiùin so, far an robh sàmhchair mhòr, gun odhail, gun ùpraid, ghabh mi cothrom air ùrnuigh a ’dheanamh.” “Agus an ann ’sa Ghaelic is àbhaist duit do ghnà’ aoradh a dheanamh,” deir mise, “oir tha do Bheurla math?” “Sann do ghnà” ars’ esan—“’si Ghaelic cainnt mo dhù’cha agus cainnt mo chridhe, agus ’n uair tha mo chridhe làn ’sann ’sa Ghaelic a mhàin a gheibh e faochadh.” Smuaintich mi aon uair eile Mac-talla-nan-creag fheuchainn. Dh’iarr mi air an òganach dol a rìs gu cùl na creige, agus na ceistean a chuirinn air a fhreagairt. Thainig a h-uile focal a labhair e mar a mach á meadhon na h-Eaglais. Chaidh mise ’sin gu cùl na creige,—dh’iarr mi air-san seasamh far an robh mise.—Labhair mi gu socrach le àrd-ghuth—dh’aithris mi cuid de na sgriopturan air an robh e eòlach,—thainig mi ’n so far an robh e. “An cuala tu mi?” arsa mise. Bha e làn iongantais! “Chuala mi h-uile focal mar gum bitheadh iad air an labhairt a stigh anns na seann làraichean; cha chuala mi riamh iomradh cluaise air ni is mò tha cur iongantais orm.” Bha dhà laimh paisgte na uchd,—bha seòrsa de dh’ uamhas air, ’s bha ’dhà shùil socraichte air an Eaglais, gun fhios aige ciod a dheanadh e. “Bha mi” ars esan “latha chuireadh so eagal orm—seadh, oillt—cha chò’daicheadh an saoghal orm nach spiorad a bh’ann,—theichinn bho ’n àite ’s cha chuireadh an saoghal as mo bheachd mi nach robh taibhsean a tathaich an àite.” “Agus” arsa mise “’bheil thu làn chinnteach nach ’eil sin mar sin fathast?” “Tha mi,” fhreagair e, “tha mi làn chinnteach nach ’eil. Bha mi aon uair dall, aineolach—m’ innntinn làn de dh’amaideachd, agus saobh-chràbhadh, agus faoineis,—cha robh teagamh agam nach robh taibhse, ’us bòcain, ’us tanaisg, anns gach cìll ’us gleann, ach * Echo. [TD 54] glòir do Dhia, tha m’ anam air a shaoradh bho ’leithid sin de ghòraiche pheacach—’s aithne dhomh ’nis focal Dhé—a ghràs do pheacaich bhochd ann an Iosa Criosd—a chùram Atharail do ’shluagh féin, agus cha’n urrainn mi ’chreidsin gu’n atharraicheadh esan cùrsa Naduir, gu eagal, ’us clisgeadh, ’us uamhunn, a chur air ceannaiche bochd.” “’S math a labhair thu” fhreagair mise, “ciod an ùine bho’n fhuair thu soileireachadh air nithe spioradail—bu ro-mhath leam a chluinntinn?” Matà, ars’ esan, tha os-ceann ceithir bliadhna bho na thainig sgoil do’n àite dhorcha anns na thogadh mi.—Rugadh mi ann an àite ris an canar Coire-Mhuilin, agus bha mise ’s m’ athair, ’s am balach eile, fìor aineolach air nithe spioradail. Bha m’ athair na iasgair, na dhuine bochd, ’s gu tric bho’n tigh. Cha robh Bìobul aguinn, ’s ged ’bhitheadh, cha b’ urra’ dhuinn feum a dheanamh dh’ e. Bha sinn a’ caitheamh ar ’n ùine ’buachailleachd; air uairibh suilbhir, mireagach—a’ trusadh chnòmhan ’san fhoghar’, ’sa camanachd ’sa gheamhradh. Bha’n t-àite fada bho eaglais na sgìreachd, agus air latha na sàbaid, chuir na seann daoine seachad an aimsir gan aonagradh féin air chul gaoithe, ’s air aodan gréine, ag aithris, agus ag éisdeachd seorsa de sgéulachdan faoine, agus air uairibh a’ siubhal a chladaich le abhagan an deigh na beiste-duibhe, an dò’rain-duinn, an taghain, no a chait-fhiadhaich. Ach buidheachas do Dhia, thogadh tigh-sgoile—thainig am maighistir-sgoil, duine ’bha tarruinn gu aois, duine ciùin, iorasal, macanta; duine éudmhor, dealasach, diadhaidh. O! ’s esan a bha sin, ma bha duine air talamh; agus airson fhoighidin bha e co séimh, ciallach, ’s nach faca mi corruich, no campar, riamh air. Chruinnich muinntir an àite a chéud latha ’n deigh dha tighinn, agus labhair e riu gu càirdeil, ga’m brosnachadh gu tighinn do ionnsaidh, sean ’us òg, chum leughadh na Gaelic fhòghlum. Thoisich an duine ceanalta, naomh, a h-uile latha le ùrnuigh, agus chriochnaich e ’s an dòigh cheudna. Choinnich e muinntir an àite a h-uile latha sàbaid—leugh e as na scriobturan dhoibh, agus thug e mìneachadh aithghearr ann an cainnt a thuigeadh pàisde, air cuid dh’e. ’Se thainig as a’ so gu’n d’iarr gach aon ’san àite Biobuil Ghaelic fhaotainn, chuir esan iad air sheòl ’chum ruigheachd orra. ’Sann air an àite thainig an t-atharrachadh, gu h-àraidh a thaobh latha na sàbaid. Bha Eaglais na sgìreachd fad’ air falbh, ach bha ’nis leughadh ’us aoradh ’san tigh-sgoile gu riaghailteach a h-uile latha sàbaid—cha robh aon nach tigeadh. Ach gun air fadalachadh, ars’ an ceannaiche òg, bha mi nis a gabhail tlachd anabarrach an leabhar Dhé—cùl na creige—’sa bheinn—’sa chladach bha e air mo shiubhal; ach ’se thainig as a so gu’n d’fhàs mi fìor iomaguineach, cùramach, seadh, fo eagal mòr. Dh’fhiosraich mi bho’n Bhìobul gu’n robh mi am pheacach mòr, fo fheirg Dhé, sgus toillteannach air a chorruich. Chunnaic mi. agus dh’fhairich mi nach robh a’m chomas mi féin a shaoradh as an staid so, no deadh-ghean agus sìth Dhé ’chosnadh [TD 55] le aon saothair no dichioll a b’ urrainn dhomhsa fheuchainn,—chleachd mi h-uile dòigh a shaoilinn a b’fhearr no cheile chum maitheanas a chosnadh,—leug mi’m Biobul—rinn mi ùrnuigh—bha mi umhail do’m phàrantan; ach dh’innis mo chogais féin domh nach deanadh sin uile cùis,—bha mi mì-thoilichte fhathast,—chuir mi so uile an céill do’n mhaighistir-sgoil—dh’ fhosgail mi mo chridhe dha—cha do cheil mi ni air bith,—’S iomadh, O! ’s iomadh seanachas math a bha eadar ruinn. Chomharraich esan a mach domh Uan Dé,—leugh e ’m focal domh—rinn e ùrnuigh leam, agus air mo shon, agus le beannachd an Spioraid naoimh leis na meadhona a chleachd e, ’san dòigh a ghabh e, thugadh mi céum air chéum, gu gabhail ri Iosa Criosd mar tha e gu saor air a chur mar coinneamh anns an t-soisgeul. Cha ruig mi leas a ràdh gu’n tainig sìth, seadh, gàirdeachas, le creidsinn ann,—sìth Dhé a tha da-rìreamh thar eòlais. “’S furasda dhuibh a thuigsinn,” ars’ an t-òganach, “an déigh dhomhsa Esan mu’m bheil Maois agus na Fàidhean a labhairt fhaotainn, gu’n robh déigh agus iarrtas làidir agam Esan a bha nis co prìseil do m’ anam féin, a dheanamh aithnichte do m’ phàrantan, ach bha iomadh duilleadas ’san rathad. Bha m’ athair na dhuine tuigseach, còir, dìchiollach, ionraic,—cha robh focal ri ràdh ’na aghaidh,—dhìol e ’fhiachan gu h-onarach, agus cha b’ urrainn dha fhaicinn gu robh feum aige-san air Slànui’ear. ’Thaobh mo mhàthar cha robh teagamh air bith aice-se nach robh neamh a’ feitheamh gu cìnnteach oirre,—cha robh fàth iomaguin no cùraim. Cha robh boirionnach ’san tìr ’bu tothaiche, ’s bu ghaolaiche mu teaghlach no i, agus tuaileas cha do thog teanga riamh ’na h-aghaidh. An déigh iomada seanachas leis a’ Mhaighistir-sgoil ghaolach mu’n deidhinn, chomharlaich e mi gu aoradh-teaghlaich fhéuchainn an tigh m’ athar. Feuch thusa r’a dheanamh, a ghràidh, ars’ esan, agus soirbhich idh Dia leat. Labhair mi ri m’ athair do thaobh so,—bha mo mhàthair a’ làthair; cha do ghabh iad e gu h-olc, ni mo a thug iad misneach mhòr dhomh: ma thogras tu sin a dheanamh, ars’ iadsan, cha bhac sinne thu. Bha so n’is leòir dhomh, agus air an fheasgar sin féin ’nuair a bha ar teaghlach uile cruinn, ’san crann air a chur air an dorus: chuir mi bòrd beag am meadhon an t-seòmair, agus chàraich mi am Bìobul agus leabhar nan Salm air.—Leughamaid focal Dhé, arsa mise. Leugh mi Salm, agus an sin sheinn mi e, agus cha d’ fhosgail a h-aon diu’ am beul. Na dhéigh sin leugh mi caibdeil de na scriobturan,—chaidh mi an sin air mo dhà ghlùin, agns rinn mi ùrnuigh, ach cha do chairich a h-aon. Ghuidh mi le dùrachd m’ anama airson gach neach a bha làthair. ’Nuair a thainig mi gu crìch ’sa dh’éirich mi, cha dubhairt m’ athair no mo mhàthair uiread is aon fhocal, ach bha mise anabarrach taingeil do Dhia a thug misneach dhomh a dheanamh mar a rinn mi. “Chaidh so air aghaidh car greise, ach oi’che de na h-oi’cheanan sheinn mi an t-Salm a’m aonar mar a b’ àbhaist domh, agus chaidh mi air mo ghlùinean gu ùrnuigh; ach mar bha mi ’guidhe ri Dia, [TD 56] dh’éirich m’ athair as an àite an robh e na shuidhe, agus chaidh e air a dhà ghlùin ri m’ thaobh. Rinn mo mhàthair an ni ceudna ri taobh na creithil anns an robh an naoidhean,—rinn a chlann uile an ni ceudna, agus m’an d’ éirich mi bha h-uile h-aon ach am pàisde ’bh’anns a chreithil air an glùinibh aig cathair nan gràs. Cha do chaidil mi luchd an déigh dol a’m leabaidh, ’sna gabhaibh iongantas ged ’deir mi, gu’n do fhliuch mi ceann-adhairt mo leapach le déuraibh; ach cha bu déuraibh goirt, ach déuraibh sòlasach ann an taingealachd do Dhia. “Air an ath oi’che, an déigh dhomh beagan a léughadh de’n fhocal, thuirt m’athair rium; ‘A Neail, a ghràidh, léugh an Salm, agus thoir a mach e mar a b’abhaist a dheanamh anns an Eaglais, agus feuchaidh sinn a leantuinn, agus a sheinn maile riut.’ Rinn mi so, agus b’i sin oi’che an àigh dhomhsa, ’nuair a thog an teaghlach uile, òg agus sean, an guth suas le chéile an aon cheilearadh binn do’n Athair àrd agus ghlòrmhor! Cliu gu’n robh do Dhia! Ach cha ruig mi leas tighinn thairis air iomada ni ’thachair. Cha stadadh m’athair gus na dh’fhòghlum e ’Ghàelic a léughadh, ’s cha b’fhada gus an d’rinn e so; an ceann cheithir mìosan, leughadh e ’m Bìobul co math ris a Mhaighistir-sgoil e féin: ach ni b’ fhearr na so, thainig an Fhìrinn dhachaidh le cumhachd a chum a chridhe—bha Dia gràsmhor dha—ghabh e féin ceann a bhùird ’san anamoch—bha e nis na shagart ’na theaghlach féin—leugh e’m focal, agus thug e mach na Sailm, agus bha sinn ’nar cròilein co sona, subhach, agus a bha eadar dha cheann na dù’cha. “An déigh dhomh comas fhaighinn air a Ghàelic a leughadh, cha’n fhoghnadh so leam gu’n oidheirp a thoirt air a’ Bheurla; cha robh moran leabhraichean Gàelic r’a fhaotaìnn. Bha cuid de leabhraichean Beurla aig a Mhaighistir-sgoil, agus thug e dhomh an iasad a h-aon an déigh a h-aon diubh. Ghabh mi anabar toilinntinn de “Thurus a Chriosduidh,”—’s gann gu’m b’ urrainn mi dealachadh ris a mach no ’stigh—aig beinn no aig baile; mar is mò ’leugh mi ’s ann is mò dhuisgeadh mo dhéigh air tuilleadh ’us tuilleadh. Dh’ fhairich mi solus ùr ag éiridh orm—m’ inntinn a soilleireachadh bho latha gu latha. Ar leam gu’n robh saoghal ùr air eiridh suas mu’m choinneamh. O! nach sona, deir mise, Gaill agus Sasunnaich, aig am bheil leabhraichean mu thimchioll gach nì ann an làn phailteas.” Dh’ fheòraich mi dh’e ciod a dh’éirich d’a mhàthair? Chuir so mulad air, agus tharruinn e osna fhada, agus thainig an deur a’ nuas air gruaidh an òganaich. “Mo mhàthair bhochd,” ars’ esan, “’s ann oirrese, agus oirnn uile ’thainig an deuchainn eagalach,—cha ruìg mi leas tighinn thairis air. Bha mo mhàthair na boirionnach cho stòlda ’sa bha ’san dùthaich, agus co gaolach mu a teaghlach, ach bha ’cridhe gu h-uile air a thoirt suas do’m athair, agus do’n leanabh a b’ òige, Murcha beag; agus da rìreamh, cha’n ann airson mise ga ràdh, cha robh duine ’san dùthaich uile, bu tlachdmhoire na m’ athair, agus air a h-uile dòigh bu chliutaiche, a [TD 57] b onaraiche, agus bu chreideasaiche ’na ghiùlan. Ach thoilich Dia esan, agus am balachan beag, lurach, a ghairm air falbh—chaochail iad le chéile ’san aon oi’che! Bha ’bhuille tròm, agus chaill mo mhàthair a misneach gu buileach—bha ’cridhe ’n impis sgàineadh—thainig fiabhrus trom oirre, agus shaoil sinn car iomada latha gu’n robh i as a beachd. Cha d’fhàg an duine beannaichte am maighistir-sgoil, taobh a leapa, agus thug Dia dhasan comas gu bhi na chul-taice saoghalta dhi. Ach thainig sìneadh air an tinneas, agus, O! cliu dhasan a thug mu ’n cuairt e, thainig sìth d’ a h-anam—chunnaic i làmh Dhé anns na thachair,—bha i fa-dheòidh striochdta ciùin, sàmhach. Fhuair i Slànui’ear, ’s fhuair e i. Chreid i, agus thainig sòlas; ach cha ’n fhacas fiamh a gàire riamh bho ’n latha sin air a gnùis,—thainig bristeadh air a slàinte—shìolaidh i as, agus chaochail i sea mìosan an deigh m’ athar. Ach fhuair i bàs anns an Tighearna; agus a nis cha ’n eil teagamh air bith agam nach eil i air a h-éideadh ann an trusgan geal, agus a seasamh mu ’n cuairt do chathair Dhé, le m’ athair agus Murcha gaolach, far am bheil dòchas agam an coinnich sinn na dhéigh so, agus far nach dealaich sinn a chaoidh no gu bràth. An déigh bàs m’ athar thainig uallach an teaghlaich ormsa—reic mi ’m bàta iasgaich agus na lìn,—chaidh mi do Ghlascho, far am bheil brathair-athar agam,—cheannaich mi leis na fhuair mi air a bhàta a’ mhàlaid agus beagan bathair: so an ceathramh uair a thainig mi dhachaidh—tha h-uile nì ’soirbheachadh leam. Ma chinneas mo mharsantachd leam, ’s e tha ’m bheachd bàta math iasgaich agus lìn mhòr’ a cheannach, agus a bhi a ’m’ iasgair, mi féin agus mo bhràithrean, mar a bha ar n’ athair, agus a chroit a bh’aige ’chumail mar dhachaidh anns am fuirich sinn sa gheamhradh. Cha bu mhath leam dealachadh ri tigh m’ athar, anns an d’ rugadh ’s na thogadh mi. Agus a nis, slàn leibh; tha ’n oi’che ciaradh mu ’n cuairt duinn, ceò an anmoich a tearnadh,—an Tighearna bhi maille ribh; ’s faocha do m’ anam an seanachas so bhi agam ri aon a tha dùil agam air am bheil eagal Dhé. Slàn leibh.” Bha leisg orm dealachadh ris an òganach cheanalta—thug mi air a mhàlaid fhosgladh, agus cheannaich mi scian-pheann uaithe a bhitheadh agam mar chuimhneachan air; ’s cha b’ann ga dheòin a thug mi air a ghabhail osceann na dh’iarr e. Dhealaich sinn, agus, math-dh’fhaoidte, nach coinnich sinn gu dilinn tuille san t-saoghal-sa. Tha ’n sgian-pheann fhathast air mo shiubhal, agus cha ’n eil uair a dh’fhosglas mi i, nach eil an Dùn aosda, a chill bheag, na seann làraichean briste, an salm ’s an ùrnuigh, ’s an ceannaiche òg, luachmhor, a tighinn, mar gum b’eadh, fa chomhair mo shùl. Dhealaich sinn,—chaidh esan thun na Con’ail, agus chaidh mise do ’n Oban. Cha do dhi-chuimhnich mi e ’n oi’che sin an ùrnuigh, agus ’s làn chinnteach mi nach do dhi-chuimhnich esan mise. T. [TD 58] V. CARAID A CHROITEAR. AIR. II. BHA sinn a cheana ag earalachadh air na croitearan—air a h-uile duine bochd ’s a Ghaedhealtachd aig am bheil a bheag air bith de dh’fhearann, iad a dh-ullachadh ghàraidhean-càil dhoibh féin: agus sparradhmaid an earail so orra rithis le’r n’uile dhùrachd. Tha e soilleir gu’m bheil gàradh-càil maith na thaic, ’s na chomhnadh mòr do’n duine bhochd aig gach àm; agus anns gach dùthaich ’s am bheil cor an luchd-oibre mar bu chòir dha bhi, tha gàradh an cois gach tighe. Ach anns a Ghaedhealtachd aig an àm so, cha ’n e amhàin gu’m bheil gáraidhean-cail féumail, tha iad do-sheachnaidh airson slàinte, agus beatha an t-sluaigh. Dh’fhalbh am buntàta car grathuinn aig a chuid is lugha: agus ged a chinneadh e co lìonmhor, fhallain, ’s a rinn e riamh air an ath shamhradh, cha’n urrainnear urrad a thogail dhe car bliadhna no dhà sa ni lòn do’n t-shluagh. Féumaidh iad a bhi gu cinnteach an taice ris a mhin gu ceann greis ùine; ’s cha be ’n cruaidh-chàs na’m bitheadh am pailteas de dh-amhlam freagarrach r’a ghabhail leatha. Na ’m bitheadh feòil, no iasg ùr, na ’m bitheadh gu leòir bainne na blàthaich ’n a cuideachd, ’s i a chuireadh an smior ’s a chnaimh, agus an neart ’s na féithean—’s i a dheanadh na daoine toirteil, tréuna, làidir, reachdmhor, seach am buntàta, àitidh, uisgidh. Ach aig a chuid mhòir de chroiteirean na Gaedhealtachd cha neil an t-amhlam a fhreagras do’n mhin. Tha na ceudan diubh nach cuir fiacail air feòil eadar dà cheann na bliadhna. Ré a gheamhraidh ’s an earraich tha ’n crodh gu minic gun bhainne gun bhliochd; agus tha mòran de ’n t-sluagh nach faic iasg ùr uair ’s an ràidhe. Cha neil aca gu glé bhitheanta ach sgadan goirt, trosg tioram, pàithteach—no làn spàine no dhà de dh-thraicil (treacle), as a bhùth, gu ghabhail comhla ris a bhonnach, no ris a bhrochan. Anis, tha e dearbhta nach eil so na lòn fallain—nach urrainn daoine bhi beò air a so na ’n leanadh iad air fad bliadhna no dhà. Leig a bhliadhn’ an uraidh ris so, co maith ri iomad nì eile a thug i am follais. Dh’fhuiling mòran de mhuinntir taobh tuath na Gaedhealtachd fo ’n ghalar chràiteach sin, an scurry, ré a gheamhraidh ’s an earraich a chaidh seachad. Fhuair feadhainn diubh am bàs; agus tha cuid eile dhiubh nan deòran bochd’, eiribleach, na iarguin gus an latha ’n dìugh. Agus is ann le mòr chùram, ’s le mòr chosdas, a chaidh a bheag idir dhiubh a leigheas. Ach ciod a bha lighichean daonnan, daonnan a seòladh dhoibhsan a ghabhail air an robh an galar so? Bha biadh ùr, agus sùghmor, agus gu sònruichte luibhean ùra far an ruigte orra—càl, no tuirneap, no currain, no aon de na stuthan gàraidh a tha cleachdta aig daoine a tha gleidheil ghàraidhean. An fheadhainn a fhuair a bheag dhiubh so cha robh iad fada tighinn thuige. Bha ’n fhuil air a fionnarach- [TD 59] adh ’s air a glanadh leis na luibhean so, agus thainig daoine gu h-ealamh gu slàinte ’s gu neart. Bha feadhain eile, co luath ’s a thainig barr air ghéig, no fàs as an talamh, gu dlùth a rùrach gach cùirn agus cùl gach gàraidh airson feanndagaich, no streapadh ri creagan, ’s ri bruachan airson cneamh fhaotainn gu deoch ùroir a dheanamh dhoibh-san a bha gu tinn. Bha daoine mar so a ruagadh nan céud luibhean a thog an cinn ann san earrach; agus bha gach luibh a ghabhadh itheadh, ged a bi an t-shealbhagach i, féumail. A nis, is cinnteach gu’n tachair air a bhliadhna so an nì a thachair an uraidh. Ma ghabhas daoine an aon seòrsa bìdh, fulaingidh iad bho ’n aon seòrsa galair. Tha fios aig na h-uile gu ’m bheil na seòladairean a tha fada gun tìr fhaicinn a fulang mòran o ’n scurvy: agus so, cha n’ ann a chionn gu ’m bheil a mhuir nas ullamh g’ a thogail na ’n tìr, ach a chionn gu ’m bheil na seoladairean air an gleidheil air biadh tioram, goirt. Tachraidh an nì ceudna do gach aon a ghnàthaicheas a bheò-shlainte cheudna, ged a bhitheadh e far nach fairicheadh e fàile na mara r’a bheò—ged a bhiodh e ’s a ghleann is monadaile an Albainn. Agus cha ’n e scurvy an aon ghalar a dhéireas o shior-chleachduinn an t-sheòrsa lòin air am bheil sinn a bruidhinn. Tha biadh tioram, goirt, a teasachadh na fola—a tiormachadh ’s a trùghadh an neart—a cuir na càil uile troimhe cheile. Tha e crannadh na cloinne, ’s ga ’n gleitheil nan seargain bhochd—tha e a caitheadh as an aosda, agus tha e a toirt an clìth ’s an lùghais bho na daoin’ is làidire. Cha ’n urrainn sluagh a bhi beò gun nith-eigin a bhi aca thuille air min, agus biadh goirt. Féumaidh iad stuthan gàraidh, no luibhean ùror a bhi aca comhla riuth so, gu slainte ’s beatha ghleidheil riuth, gus an tog am buntata a cheann a rìthis. Theagamh gun abair feadhain, “ciamar a bha ar sinnsirean beò mata. Bha iad gun luibhean, gun ghàraidhean: ach ’s beag na bha de ghalar no de ghaoid a cur orra. Bu laidir, reachdmhor, calma iad?” Tha e furasda so fhuasgladh. Bha lìonmhoireachd spreidh aca ’s na laithean sin, seach mar a tha ann an diugh. Cha robh baile anns nach robh buaile. Bha bainne pailte, seach mar a tha e a nis; agus an fheòil mar an ceudna. ’S e so a bha gleidheil a suas nan sean Ghaedheal—toradh na spréidhe. Cha ’n urrainn do dhaoine a nis an cunntas ceudna de chrodh a bhi aca. agus bho nach urrainn, féumaidh iad dòigh eile fheuchainn air beò-shlainte fhallain a chomhachadh dhoibh féin ’s do ’n teaghlaich. ’S e ’n dòigh so ’n ar barailne gàraidhean a chur air àird: agus tha dearbh-chinnt againn na ’n deanadh iad so, nach doichiolladh iad gu bràth an t-shaothair a bhuilicheadh iad orra. Their mòran de na croiteirean, tha fios againn gu ’m bu chòir do na h-uachdarain gàraidhean a chuir an ordugh air an son—agus gu h-àraidh nach fiach dhoibh-san an t-shaothair a bhi ’g obair orra gus am faigh iad aontachan air an cuid fearainn. A nis, is ann mar is mò a nì na h-uachdarain airson nan daoine bochda, gun teagamh, is taitniche leinne. Ach aig a cheart àm tha sinn ga [TD 60] mheas na dhleasnas, ciod air bith a ni na h-uachdarain, comhairle na còrach agus a ghliocais a thoirt seachad. Mu ’n chùis so, theireamaid nach urrainn duine a thoirt air an uachdaran nì air bith a dheanamh a thaobh fearainn no fuinn ach nì a gheall e a dheanamh: agus far nach eil gealltanas aig a chroiteir air gàradh-càil, no fearas-tighe eile a bhi air a dheanamh air a shon, cha ’n eil ach amaideachd dha bhi labhairt mu a chòir. Cha ’n eil còir aig air nì de ’n t-sheòrsa; agus ann an ceartas cha ’n urrainn dha a thagradh. Ma tha ’n t-uachdaran, bho ghean-maith féin a deanamh comhnadh anns an nì so, tha a chùis ro thaitneach. Mar a h-eil, cha ’n eil féum a bhi labhairt mu chòraichean, ’n uair nach eil iad ann. Ach tha e na aobhar toilinntinn a thoirt fainear cia liutha aon de na h-uachdarain, air an earrach a chaidh seachad, a rinn mòran gu cuideachadh leis na daoine bochda ’s a cheart ghnothach so. Is aithne dhuinn iad a thug frasan gàraidh do gach duine bochd air an oighreachdan, a thairg dhoibh fiodh gu dùnadh a chur air an gàraidhean, agus a thug seachad san fhogharadh duaisean dhoibh-san a thog am pòr a b’fhearr na ’n gàraidhean: agus is ainmic a gheibhear uachdaran fearainn co cruaidh is nach dean e cuideachadh le chuid daoine anns an nì so, nan iarradh iad cuideachadh uaithe. Abraibh gu ’m bheil iad ann nach toir fiach a phrìne do’n croiteirean, ach dìreach leigeil leò bhi comhachadh air an croitean mar is fearr a dh’fheudas iad, agus nach toir aonta no daingneachadh dhoibh gu ’m fàgar air an làraich iad latha ni ’s faide no phàigheas iad am màl. Tha sinn làn-chinnteach na leithid so féin de chàs, gu ’m be gliocas agus buannachd nan croitearan ar comhairle a ghabhail. Tha sinn làn-chinnteach gu ’m faigheadh iad deadh phàigheadh ann an aon bhliadhna féin anns an t-saothair a bhuilicheadh iad air gàradh-càil iomchuidh a chur air doigh. Ma bhitheas galair co lìonmhor air a bhliadhna so ’s a bha iad aìr an té a chaidh seachad, is goirid an ùine ’bhios duine air an leabaidh an uair a chailleas e tuille mòr (ged nach bitheadh nì air bith ann ach call ùine, ’us cosnaidh) na chailleadh e ann an gàradh a dhùnadh ’s a ruamhar. Is ro ghoirid an ùine gus an tig pàigheadh lighichean as chungaidhean gu a dhà uiread a chosdais: agus, nì is eagallaiche, tha e an cunnart a shlàinte chall, cha ’n e car tiota bhig, ach a shlàinte agus a bheatha ’thilgeadh air falbh. Na ’n tugadh daoine ’n aire gu ’m bheil urrad an earbsa ri lòn fallain iomchuidh a dheasachadh dhoibh féin, cha diultadh iad saothair ann an ullachadh air a shon na thràth: agus mar a h-ullaich iad, tha iad fada, fada nan solus féin, co dhiubh a tha iad a gabhail dìth aontachan no dìth airgid mar lethsgeul. Tha e ro fhéumail dhoibh féin ’s do ’n teaghlaich gu’n deanadh iad mar a tha sinn a seòladh dhoibh. Tha cothrom ac air a dheanamh; agus an uair a tha, tha e amaideach dhoibh a leigeil seachad, no a bhi coimh-fhearp ri daoine eile mu ’n nì ri ’m bheil am maith féin gu sònruichte an earbsa. Ma tha ’n crodh feadh do chuid arbhair, [TD 61] feudaidh e bhi gur ’e latha do choimhearsnaich gu ’m buachailleachd a tha ann: ach gu cinnteach ’s e do ghliocas-sa, an àite bhi cur fios gus an tigh aige, no bhi ag argamaideachadh ris an crodh a chuir as an arbhar, agus gleidhteanas is fearr a chuir orra, gus am faigh thu do bhàrr cruinn ann a ’d shabhal. Ach a thuille air gu ’m bheil luibhean gàraidh buileach féumail, agus do-sheachnaidh airson slàinte dhaoine, bho na thug am buntàta a chùl ruinn, tha iad nan cuideachadh mòr do theachdantìr teaghlaich aig gach àm. Bho ghàradh glé bheag dh’fheudadh a bhi aig duine na lìonadh a phoit a h-uile latha sa bhliadhna, agus sin de stuthan fallain, brìghmhor. Feudaidh cál glas, agus seòrsachan eile càil—feudaidh leeks, agus feuran a bhi aige bho cheann gu ceann de ’n bhliadhna. Feudaidh cabbage, no càl geal a bhi aige bho dheireadh an t-shamhraidh gu toiseach an earraich. Feudaidh currain agus beet-root, a tha le chéile ro fhallain agus brìghmhor, bhi aige bho mheadhon an fhogharaidh gu deireadh an earraich. Tuirneap, agus parsnip, feudaidh a bhi aige nas tràithe na so, agus gleidhidh iad a cheart co fada, ma gheibh e seòrsachan ceart dhiubh. Ni iad so uile cuideachadh maith le lòn féin, agus a bharr air a so, bheir duilleagan iochdrach a chàil, ’a chabbage, bheir tanachadh nan curran ’s nan luibhean eile tràth do ’n mhart gu bitheanta a chuireas, an ùine glé ghoirid, cobhàr air a chuaich a leithid ’s nach faicear an uair nach eil aig a mhart sin ach creimeadh an raoin san t-shamhradh, agus, sa gheamhradh, spioladh na connlaich thioram chruaidh, is leòir gus na gàlaich a thoirt air a giallan, gu greann a chuir air a craicionn, gus gach bainne ’s bliochd fhuadach air falbh. Tha sinn an dòchas mata gu ’m faic muinntir na Gaedhealtachd, a tha gun ghàraidhean-càil, gur e an gliocas agus am maith féin an ullachadh gun dàil. Tha dearbh chinnt againn gu ’m fàs luibhean-gàraidh gu maith anns a Ghaedhealtachd. Cha ’n eil cearna de ’n t-shaoghal ’s an fhearr am fàs currain, agus na seòrsachan sin cosmhuil riu, a tha cur am freumh domhain ’s an talamh, (taproots, mar a theirear riuth sa Bhéurla,) na anns a ghrunnd mhòintich agus ghainich a tha bitheanta ann an Uist, aig cùl Ardnamurchan, an Lochabar, agus an iomad àit’ eile de ’r dùthaich. Tha iadsan a tha togail nan luibhean so san taobh deas gu minic a giùlan mòintich as gainich, iomad, iomad mìle, gu grunnd freagarrach a dheanamh dhoibh. Chinneadh iad so na ’r dùthaich, agus gach seòrsa eile de luibhean cumanta, gu maith, agus gu ro mhaith, na ’m bitheadh giullachd ceart air a thoirt dhoibh. Dh’earalaicheamaid mata air gach croitear mu cheithreamh acair aig a chuid is lugha a dhùnadh, air dhòigh ’s nach cuir mart no muc, caora no gabhar, an sròn an taobh a stigh dheth. ’S e dheanamh tioram le claisean, no draineachan, an ath obair. ’S e ’n treas nì a dheadh ruamhar. B’ fheaird e dà throigh: ach aig a chuid is lugha, faigheadh e ochd òrlaich dhéug. Ma ’s e mòinteach, no talamh ùr, a tha ann, feumaidh e a phronnadh gu mion, [TD 62] agus gach cnap as caob a chur as a chéile. Ur, no sean, féumaidh e gach freumhach luibheanaich a spìonadh as, agus a thilgeadh amach. ’S e ’n ceathramh nì a leasachadh gu maith. Ma ’s e talamh mòinteach a tha ann, ’s gu ’m bheil thu ’n cois a chladaich, cha ’n eil nì air bith is fearr air a thoirt gu nàdurrachd na stràc maith feamainn, no roid. Mar ruig thu air so, cuir crathadh maith aoil air; agus ma tha iad le chéile as do chomas, cur am pailteas de luath na grìosaich air. Ni se, còmhla ri inneir theith, deadh leasachadh. Ma ’s e talamh nàdurra, maith, a bha fo bhàrr roimhe de ’m bheil thu ’deanamh gàraidh, theagamh nach eil féum aige aon chuid air aol no air feamainn: ach tha féum aige air a leasachadh gu neo-ghann. Agus ciod air bith seòrsa talaimh a tha agad, feuch gur e inneir phronn, air a deadh chnàmh, a chuireas tu air. Chunnaic sinn gu minic soplach de chonnlaich air a droch bhualadh, a chaidh a thogail bhàrr uachdair an dùnain, air a cur sa ghàradh anns an earrach: agus an ùine ghoirid, cha ’n fhaiceadh tu càl no tuirneap ach fòlach, agus loimrich de choirce bog, gorm, a bha toirt a bhrìgh as an talamh, agus a tachdadh nan luibhean a bu chòir brigh an talamh, agus blàs na gréine, agus drùchd na maidne gu léir fhaotainn dhoibh féin. Ma tha an inneir cnàmhta, agus saor o spilgeinean coirce no eòrna, seachnar am mearachd so, agus gheibh am pòr a chuir thu a brìgh mar a bha toil agad. San ath àireamh ainmichidh sinn na luibhean, no na stuthan sin is freagarraiche do ghàradh a chroiteir, agus cuideachd bheir sinn seòlaidhean mu ’n dòigh ’s am bheil gach aon diubh r’a chur ’s r’a ghiullachd. Aig an àm theireamaid, mar eil gàradh air a dheadh thiormachadh, air a dheadh ruamhar, ’s air a dheadh leasachadh, nach tig an latha ’bheir e deadh thoradh seachad. C. C. V. NAIGHEACHD. ’S DUILICH leinn a ràdh nach ’eil mòran de naigheachdan taitneach aguinn r’a thairgse. Tha gnothaichean na dùthcha thaobh malairt ’us marsandachd co dorcha, mi-shealmhach ’sa ’s urrainn doibh a bhi. Cha robh riamh a leithid de bhristeadh, ’s de dh’fhailneachadh am measg mharsantan mòra na rioghachd; no uiread de dh’ aimlisg ’us de chall anns gach gnothach air an urrainn duine a làmh a thionndadh. Chuir cuibheal mhòr na malairt car tuathal dhi, air alt agus an fheadhainn a b’àirde, gur iad a nis is isle,—tha e duilich da-rìreadh innse, cò tha gu diongmhalta na sheasamh; agus ’s furasd’ a thuigsinn, ’nuair a dh’fhailnicheas na clachan oisne nach ’eil an aitreabh ach ann an droch staid. Tha ’chuid is mò de na h-oibrichean mòra nan tàmh; na muillnean cotain agus na fùirneasan iarruinn; ’se chuid is truaighe nach eil fios cuin a thòisicheas iad. Cha’n ’eil earbsa nis eadar duin’ agus duine, [TD 63] tha sgàth air luchd-malairt an airgid, ’se sin na Bancairean, iasad airgid a thoirt seachad fo urras air bith. An lorg so, tha cosnadh agus céird ann an tomhas mòr air stad; agus tha fàth eagail gu bheil amana deuchainneach a dlùthachadh air sluagh nam bailte mòra. Dh’fhaílnich còrr ’us sea fichead, de na tighean malairt a b’àirde ann an Glascho; agus tha e air a dheanamh a mach le daoine poncail, tuigseach, as am feudar làn earbsa ’chur, gu’n do chaill muinntir Ghlascho, ann am malairt a mhàin, air a bhliadhna chaidh seachad, trì muillean, agus dà cheud mìle punnd Sasunnach. Thainig isleachadh mòr air prìs cruithneachd, coirce, agus min Innseanach. Chaill iadsan a bha ri malairt anns na nitheana so gu h-anabarrach—chaìll iad ceithir cheud mìle punnd Sasunnach; agus da rìreamh ’s math a thoill iad e. Le sannt mi-chneasda dh’fheuch iad so stòras mòr a dheanamh air tàilleamh dhaoine bochda a bha bàsachadh le gort. Ach thill an sruth orra so mun robh iad gu math nan ’earalas; agus thainig bristeadh am measg mòran diu’, agus cha do dh’fhiosraich iad ach beag truais anns an atharrachadh a thainig orra. Chailleadh air a bhliadhna chaidh seachad gu h-anabarrach air na slighean iarruinn; ’s e sin r’a ràdh, na “Railroads.” Cha ’n fhoghna’ leis gach aon aig an robh beagan cùl an làimhe, agus mòran aig nach robh sgillinn ruadh, gun cuid de ’n tuiteamas a ghabhail, ’s am fortan fheuchainn ’s na slighean iarruinn; dìreach mar gu’m bitheadh iad a’ dol a chluich air chairtean. Ach coma co dhiu’, ghlacadh iad air a cheann mu dheireadh—chaidh an ceòl air feadh na fìdhle, agus cha robh ach bristeadh thall ’sa ’bhos. Thainig call an lorg nan gnothuchibh so, nach dùraigeadhmaid innse mar a bitheadh fios cinnteach againn gu robh e fìor. Tha na slighean iarruinn ann an Albainn a mhàin, air a bhliadhna so, ochd muillein ni’s isle ann am prìs na bha iad air a bhliadhna dh’fhalbh; agus eadar Sasunn, Eirin, agus Albainn, ann an ceann a chéile, trì fichead muillein nis isle agus nis lugha am fiach na bha iad mu’n taice so ’n uraidh! Tha cuid da rìreadh air bharail nach do chailleadh an t-suim so gu buileach; nach ’eil e ach an deigh a chuir fodha car treis; gu’n éirich e fhathast, ’s gun tig pòr mòr air a thàilleamh; ach ’s e ar barail fhéin, gu ’m bi e cail-eigin cosmhail ris a bhuntàta; gu ’m bi gaoid is fàilneachadh ann, ’s nach bi an cinneachadh uaithe co mòr ’s a tha daoine a smuainteachadh. ’S e chuid is cianaile da thaobh so, gu’n chuireadh nan tàmh anabar sluaigh a bha faotainn cosnaidh air na h-oibrichibh so; agus ged a bha ’n tuarasdal a bha iad a faotainn mòr, tha eagal oirnn gu’n do chaith iad a chuid bu mho de na fhuair iad ann an òl ’s ann an itheadh; agus ’s duilich leinn a smaoineachadh gu ’n robh na Gaedheil cho struitheil, anameasara, ri Gaill as Eirionnaich. Cha ’n eil fhios againn cia mar ’thig cuid diu’ suas air an dubh-bhrochan ’s air a mhaorach. ’S ann le cianalas a th’againn r’a innseadh gu’n ghiùlain buidheann mhòr do Ghaedhil an taobh tuath iad féin gu anabarrach olc ann an àite àraid ris an canar Stonehaven, taobh [TD 64] na h-àirde deas do dh’Albainn, far an d’thainig iad a stigh le cuailibh mòra nan làimh, agus na spad iad gu làr a h-uile neach a thachair orra, òg a’s sean, fiorann a’s boireann; agus gun fhios c’ arson! Tha ’n ainm ’s an sloinne againn a ghlacadh ’s a chuireadh anns a phrìosan; agus ’n uair thig an t-àm ni sinn iad féin ’s an giùlan follaiseach do ’n dùthaich. ’S duilich leinn r’a ìnnse gu ’n do chailleadh long chogaidh ùr, luachmhor—soitheach smùide—a chosd ceud mìle punnd Sasunnach. Se b’ainm dhi an Avenger. Bhuail i air sgeir fo shàile dlù’, do dh’eilean Mhalta, agus ann an deich mionaidean a dh’ùine, bha i ’na spealgaibh; agus gu truagh, chailleadh da cheud gu leth d’a sgioba treun! Cha do thearnadh ach triùir! ARMAILT BHREATUIN AIR MUIR A’S TIR.—Tha do dh’arm dearg seasmhach aig Breatun 140,000, a bharachd aìr dà fhichead reiseamaid do mhilitia a dh’fhaoidte a thionndadh a mach, na ’m biodh feum orra. Tha de luingeis cogaidh de na h-uile seòrsa ann, 680. Tha ochd fichead soitheach smùide ann; cuid diu’ so tha giùlan ghunnaichean mora, a tha anabarrach dìreach ri smaointeach’ orra. Tha cuid de na gunnaichean so a thilgeis peillear a tha os cionn ceithir fichead punnd, trì mile air astar, air chor ’s nach urrainn luingeis-seòlaidh air bith tighinn dlù orra ann am blàr fairge. Tha na gunnachan eagallach so air clàr uachdar na luinge, agus air an càramh air seòrsa de ’udlan a theid m’ an cuairt, agus leis am feudar cuimse fhaotainn mar a thogras iad, gun ghabhail na luinge atharrachadh. Le cumhachd nan cuibhlichean feudaidh iad so àite air bith a thogras iad a ghabhail ann am blàr, agus ma thig cogadh air bith eadar na rìoghachdan—ni tha dòchas aguinn nach faic sìnne—chithear gu’r ìad na soithichean smùide a shocruicheas a chùis. Tha cuig-a’s-dà-fhichead mìle seòladair air bòrd air a chàbhlach so, agus cuig-mìle-deug de shaighdearan fairge; a bharrachd air so, tha deich-mile-fichead de dhaoine làidir, treun anns na h-àiteachan sin far am bheil iad a’ togail nan luingeis-chogaidh a tha h-uile aon diu’ air an ionnsachadh air gunnaichean mòra oibreachadh. Cha ’n e ’n t-suim bheag a ghabhas e an armailt mhòr so a chumail na h-uidheam, agus gach saighdear agus seòladair a chumail ann an deadh bhiadh agus eudach. MARGAIDHEAN. Tha min mhath choirce 16s. gu 18s. am bolla. Coirc Innseanach l7s. am baraile. Min Eòrna 14s. gu 15s. am bolla. Im, 9d. gu 10d. am punnd. Mairtfheoil bho 7d. gu 9d. Muiltfheoil bho 5d. gu 8d. It is requested that those to whom the Magazine has been sent, and who do not wish it to be continued, to signify the same to the Publisher Printed and Published at 145 Argyle Street, Glasgow, on the First Day of every Month, by WILLIAM GILCHRIST, residing at 22 Centre Street, Tradeston: and Sold by T. MURRAY, 8 Argyle Street; MACLACHLAN AND STEWART, Edinburgh, &c. &c.