[TD 1] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS NA BLIADHNA, 1876. “THIG DHACHAIDH! THIG DHACHAIDH!” [Dealbh] LEUGH sinn o cheann ghoirid anns a phaipeir-naigheachd “The Times,” am fios a leanas:—“Ma bheir suil A. A. a dh’ fhàg tigh ’athar an aire dha so, tha e air a ghuidheadh dheth le dùrachd pilltinn a rìs. Bheirear maitheanas anns gach ni a thachair.” Fhir-leughaidh! anns an duilleag so tha teachdaireachd o d ’Athair air neamh mu choinnimh do shùla. Ma tha thu fhathasd am fad as, the e a’ guidheadh dhiot pilltinn. Bheirear maitheanas anns na chaidh seachad. Tha e ag innseadh dhuit gu bheil aoibhneas air neamh os cionn aoin pheacaich a ni aithreachas. ’N uair a tha peacach a’ gabhail a staid a stigh de rìreadh; ’n uair a ’s leir dha bith, cionta, agus cudthrom a pheacaidh, agus a tha e ag iarraidh aithreachais,—tha e ’cur mar cheisd, “Am bheil suim aig Dia dhomhsa? Am bheil Dia cho toilichte gabhail riumsa ’s a tha mise air pilltinn?” Ann an January 1876. “Come Home.” [TD 2] [CEUD MHIOS NA BLIADHNA 1876. TD 2] sgeulachd a’ mhic stroigheil, tha an Tighearn Iosa a’ toirt seachad gu soilleir, gu bheil aoibhneas air neamh os cionn aoin pheacaich a ni aithreachas, bitheadh e ’n a Iudhach no ’n a Chinneach. “An sin thainig na cìs-mhaoir uile agus na peacaich am fagus da, chum éisdeachd ris. Agus rinn na Phairisich agus na sgriobhaichean gearan ag radh, Tha ’m fear so ’gabhail pheacach d’ a ionnsuidh, agus ag itheadh maille riu..... “Agus thubhairt e, Bha aig duine àraidh dithis mhac: agus thubhairt am mac a b’òige dhiubh r’ a athair, Athar, thoir dhomhsa a’ chuid-roinn a thig orm de d’ mhaoin. Agus roinn e eatorra a bheathachadh. “Agus an déigh beagan de laithibh, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thurus do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha struidheasaich. Agus an uair a chaith e a chuid uile, dh’ éirich gorta ro mhòr ’s an tìr sin; agus thòisich e ri bhi ann an uireasbhuidh. Agus chaidh e agus cheangail se e fein ri aon de shaor dhaoinibh na dùthcha sin: agus chuir e d’ a fhearann e, a bhiadhadh mhuc. Agus bu mhiann leis a bhrù a lionadh de na plaosgaibh a bha na mucan ag itheadh; oir cha d’ thug neach air bith dha. “Agus an uair a thainig e chuige fein, thubhairt e, Cia lion de luchd tuarasdail m’ athar-sa aig am bheil aran gu leoir agus r’ a sheachnadh, ’n uair a tha mise a’ bàsachadh le gorta? Eiridh mi, agus theid mi dh’ ionnsuidh m’ athar, agus their mi ris, Athar, pheacaich mi ’n aghaidh fhlaitheanais, agus a’d làthair-sa. “Agus cha-n fhiù mi tuilleadh gu’n goirte go mhac-sa dhiom; dean mi mar aon de d’ luchd tuarasdail. Agus d’ éirich e, agus chaidh e dh’ ionnsuidh ’athar. Ach air dha bhi fathast fad uaith, chunnaic ’athair e, agus ghabh e truas mor dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg se e. Agus thubhairt am mac ris, Athar, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus a’d’ làthair-sa, agus cha-n fhiù mi tuilleadh gu’n goirte do mhac dhiom. “Ach thubhairt an t-athair r’ a sheirbhisich, Thugaibh a mach a’ chulaidh a’s fearr, agus cuiribh uime i, agus cuiribh fàinne air a laimh, agus brogan air a chosaibh. Agus thugaibh an so an laogh biadhta, agus marbhaibh e; agus itheamaid agus biomaid subhach; oir bha mo mhac so marbh, agus tha e beo a ris; bha e caillte, agus fhuaradh e. Agus thòisich iad air bhi subhach. A nis bha a mhac bn shinemach ’s an fhearann: agus an uair a thainig e, agus a thàr e ’m fagus do’n tigh, chual e ’n ceòl agus an dannsa (Luc xv. 1, 2, ll-25). Is e so ann an cosamhlachd teachdaireachd Chriosd fhéin mu’n dibheatha a gheibh an t-anam a philleas. Mar so cha-n ann an uaigneas do na deisciobluibh ach am follais do’n t-saoghal uile, co dhiubh dh’ éisdeas e no nach éisd, tha e ag innseadh gu bheil aoibhneas air neamh as cionn na h-uile peacaich a ni aithreachas. Fhir-leughaidh, co an t-àite ann an “turus an eilthirich” ud gus an tainig tusa, ma thoisich thu idir air? 1. Peacadh a mhic stroigheil. B’e toiseach a thruaighe gun do theich o’ athair. Cha do ghràdhaich e e, agus cha do chuir e meas air a ghràdh. Shaoil leis gum bitheadh e na ’s sona nam bitheadh e as a shealladh, far am faodadh e peacachadh mar a thogradh e, gun neach gu comhairle no cronachadh a thoirt air. B’ e sin a cheud pheacadh agus a pheacadh bu mho, ach cha b’ e idir ’aon pheacadh; oir thug e a chuid leis dh’ ionnsuidh na dùthcha ’fad as. An sin chaith e cuid ’athar le beatha stroigheil. Agus mar sin b’ e a’ cheud peacadh againn,—am peacadh bha air thoiseach uile, gun do theich sinn o Dhia. Is e a’ cheud ni tha r’a chuir an aghaidh na h-uile duine neo-iompaichte gu bheil e “gun Dia anns an t-saoghal.” Cha-n ’eil gràdh aig do Dhia agus cha-u ’eil iarraidh aig air a ghràdh. Is toilinntinn leis gu minic Dia fhògradh as a chridhe, chum agus gum faod e gun bhacadh a rathad fhéin a leantuinn. 2. Truaigh a mhic stroigheil ’N uair a chaith e na bh’ aige thoisich e r’ a bhi ’an uireasbhuidh. Thoisich e ri buain mar a chuir e. Le ocras o’n leth stigh, agus goirt o’n leth mach, thoisich e air biadhadh mhuc, chum e fhéin a dhion o ’n bhàs. Gidheadh bha a chridhe gun bhriseadh. Chaoidh e am bròn agus an nàire, ach cha do chaoidh e am peacadh. Is ann mar sin a thachras do’ n pheacach ’n uair a tha briseadh a’ tighinn air. Trid lànachd arain, agus ardain a ghnùis cha-n iarr e Dia. Ach tha laithean dorcha a’ tighinn. Tha e [TD 3] [CEUD MHIOS NA BLIADHNA 1876. TD 3] fhathasd a’ gluasad anns a’ pheacadh, ach cha-n ’eil am peacadh ’n a thoilinntinn. Le cridhe mi-shuaimhneach tha e ag iarraidh soithichean ùra, ach tha e ’g a fhaicinn fior mu ’n timchioll uile “nach gleidh iad uisge.” Tha coguis chiontach’g a gheur-leanmhuinn. Cha dean dideanan bréige dion da na ’s fhaide’n a aghaidh fhéin no an aghaidh Dhè. Gidheadh cha phill e. Tha e sgìth ann am meud a shlighe, gidheadh cha-n abair e nach ’eil dòchas ann. Tha e duilich airson an fhulangais, ach cha-n ’eil airson a pheacaidh. 3. Aithreachas a mhic stroigheil. “Thainig e thuige féin.” Thug an truaigh chraiteach, lom, gus an tug e e féin air’ gun do smuainich e air tigh ’athar. Thug an t-ocras air gun do smuainich e air an aran a bha na ’s leòr agus r’ a sheachnadh. Nis nach robh neach ann a “bheireadh dha,” smuainich e mu ghràdh ’athar a rinn uaireigin aoibhneas ’n a shonas, agus ann am frithealadh d’ a uile uireasbhuidhean. Tha cuimhne a ghràidh sin, agus mar a bhuin esan ris, a’ leaghadh a chridhe. Cha-n urrainn e cur suas leis na ’s fhaide. “Eiridh mi agus theid mi dh’ ionnsuidh m’ athar.” Agus smuainich e ciod a theireadh e: na h-uile ni ’aideachadh, agus iarraidh gu’m faigheadh e tighinn air ais mar sheirbhiseach. Tha e ag àrach dòchais gum faod so a bhi. Agus cha-n ’eil dàil tuilleadh ann. “Dh’ éirich e agus thainig e dh’ ionnsuidh ’athar.” Is amhuil sin am peacach. Fhad ’s a ’s urrainn e tha e ’toirt oidheirp air a bhi sona as eugmhais Dhia. Fhad ’s a mhaireas cairdean, agus toilinntinnean, agus dideanan bréige, bithidh misneach aig, agus mùchar leis gach smuain mu bhithbhuantachd dhorcha a dh’ fhaodas éiridh ’n a chridhe. Ach tha là na trioblaid a’ tighinn. Tha a chuid iodholan agus a chuid dòchasan air an spionadh uaith, agus tha e air fhàgail lòm, falamh. Tha an Spiorad beannaichte a’ beantuinn r’ a chridhe. Mar a rinn an duine de na Phairisich do ’m b’ ainm Nicodemus, tha e ag iarraidh comhairle uaithesan a tha a’ gabhail ri peacaich. Tha e ’teicheadh a dh’ ionnsuidh a Bhiobuill air an d’ rinn e dearmad cho mòr, agus tha e a’ faotainn gu bheil focal sin na beatha gun atharrachadh. “Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal gun tug e aonghin Mic chum ’as ge b’ e a chreideadh ann nach bàsaicheadh e ach gum bitheadh a bheatha mhaireannach aige.” Agus is cuimhe leis gu bheil e sgriobhta, “Thigibh nis agus reusonaicheamaid r’ a chéile.” Tha e ’smuaineachadh mu ’n t-Slanuidhear sin a rinn an luchd-bròin aoibhneach anns na h-uile linn (Isa. lxi. 3), nach bris a’ chuilc bhrùite, ’us nach mùch an lion de ’m bheil an caol smùid (Matt. xii 20); agus mu ’m bheil e sgriobhta, gu bheil e comasach air na h-uile neach a thig a dh’ ionnsuidh Dhé tridsan a thearnadh gus a cheum a ’s faide (Eabh. vii. 25), an t-aran a thugadh airson beatha ad t-saoghail (Eoin vi. 50, 51.) Agus a nis tha a’ cheisd ann leis an do thoisich sinn, “Am bheil spéis aig Dia dhomhsa? Am bheil Dia cho toilichte gabhail rium ’s a tha mise air pilltinn d’ a ionnsuidh?” 4. Pilleadh a’ mhic stroigheil, agus an dibheatha a fhuair e. Bha dòchas aig a mhac stroigheil, ach is beag a b’aithne dha de lànachd gràidh athar. Smuainich e roimh laimh ciod e a theireadh e: gun aidicheadh e na h-uile ni, agus gum faodadh e bhi mus leigeadh e leis bàsachadh, gun d’ thugadh’ athair àite fìr-tuarasdail dha. Bha e ’smuaineachadh air ’athair, ach is beag a shaoil leis gun robh ’athair a’ smuaineachadh airsan, “Ach an uair a bha e fhathasd am fad as, chunnaic ’athair e, agus ghabh e truas dheth, agus ruith e agus thuit e air ’amhaich, agus phòg se e.” Agus is e tha ann a so samhladh le Iosa air an dibheatha a gheibh am peacach a ni aithreachas. Tha e ’toiseachadh air iarraidh le iomadh eagail agus amharuis. Tha na beachdan aig mu ghràdh Dhia ann an Criosd do pheacaich, dorcha agus michinnteach. Tha gné dhòchais aig gun toir Dia maith- [TD 4] [CEUD MHIOS NA BLIADHNA 1876. TD 4] eanas da, ach ma thearnas e air éigin o ifrinn e, cha-n urrainn e tuilleadh earbsadh. Coslach risa mhac stroigheil. Cha b’ urrainn esan tuilleadh earbsadh ach an t àite bu tàire am measg nan seirbhiseach. Ach “cha-n’eil mo smuaintean mar bhur smuaintean-sa, ni mo tha mo shlighean mar bhur slighean-sa, deir an Tighearn.” ’N uair bha am mac a’ smuaineachadh mu phronnag arain, agus deoch de ’n uisge, agus aite am measg an luchd-tuarasdail, bha an t-athair a’ smuaineachadh mu ’n chulaidh a ’s fearr, agus am fàinne, agus na brògan, agus an laogh biadhta; àite mic ann an cridhe athar, agus aig a bhord. Cha do chuir e uaith e ’n a luideagan agus ’n a thruaigh gu e fhéin a dheanamh iomchuidh airson lathaireachd ’athar, mus leigeadh e am fagus da e. Ach mar a bha e, o an dùthaich chéin ud ’n a luideagaibh, ’n a thruaigh, ’us ’n a ocras, “ruith e, thuit e air ’amhaich, agus phòg se e.” Cha d’ fhàg e e ach an d’iarr e aodach. Chunnaic e a luideagan, agus ghlaodh e, “Thugaibh an so a’ chulaidh a ’s fearr agus cuiribh uime i.” Ni mo leig e leis biadh iarraidh. Chunnaic e a ghnuis caol agus gun tuar leis an ocras, agus ghlaodh e, “Thugaibh an so an laodh biadhta.” Agus is ann mar so tha aoibhneas a’ mhaitheanais ’tighinn, ’n uair a tha Dia a dh’iarr air an t-solus dealradh a dorchadas, a dealradh ann an cridhe aithreachail peacaich, chum solus eolais gloire Dhé ann an gnuis Iosa Criosd a thoirt da (2 Cor. iv. 6). Bha e ann an dòchas beag gum bitheadh e air a thearnadh o ifrinn, agus gum faigheadh e saorsa,anns an àite a ’s ilse,chum seirbhis a dheanamh do Dhia. Ach a bhi ’n a mhac—bhi air a thogail o’ n duslach, agus air a chur suas anns na h-iouadaibh neamhaìdh maille ri Iosa Criosd—bhi air a chur air ball gun airgiod agus gun luach am measg a chlann, cha b’ urrainn e e so a thuig sinn, oir ‘cha-n e so dòigh dhaoine.’ Ach fhir-leughaidh ionmhuinn, is e doigh Dhé e. ’N uair tha peacach air fhìreanachadh gu saor, trid an t-saorsa a th’ ann an Iosa Criosd, tha Criosd air a dheanamh dha le Dia ’n a ghliocas, ’n a fhireantachd, ’n a naomhachd, agus ’n a shaorsa; fad os cionn na ’s urrainn e iarraidh no bhreithneachadh. Fhir-leughaidh ionmhuinn! tha Dia aon uair eile a’ tairgseadh dhuit uile shaoibhreis a ghràis. Tha e a’ tairgseadh dhuit maitheanas, athnuadhachadh cridhe, sìth coguis, aoibhneas anns an Spiorad Naomh: beannachd air gach ni a ni thu anns a’ bheatha so, agus sonas gun chrich anns a’ bheatha ri teachd. Oh, na cuir uait do shlainte shiorruidh. “Is eagallach an ni” do pheacach ’n a pheacaidhean “tuiteam ann an lamhan an Dé bheo.” Ach is ni beannaichte an ni do anam bochd air a dheanamh falamh dheth fhéin, aig nach ’eil dòchas ach so, gun “d’ fhuair Criosd bàs airsou nan aingidh,” tuiteam ann an lamhan Athar a mhic stroigheil. “Bheir e maitheanas gu pailt, oir cha-n ’eil mo smuaintean mar bhur smuaintean-sa, ni mo tha mo shlighean mar bhur slighean-sa, deir an Tighearn” (Isa. lv. 7, 8). Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STEEET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 5] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS MAIRT, 1876. AN DUINE AGUS A MHIGHNETHEILEACHD. “Thainig e dh’ ionnsuidh a dhùthcha féin, agus cha do ghabh a mhuinntir féin ris” [Dealbh] Faic taobh-duilleig— I. BHA AN SLUAGH AM MEASG AN DO GHABH AR TIGHEARN COMHNUIDH CIONTACH DE MHIGHNETHEILEACHD DHA. Bha iad ’n an sluagh a fhuair fàbhar os cionn nan uile dhaoine. Bu choir dhoibh gabhail ris le aoibhneas. Rinn e soilleir gu leòr gu ’m b’e am Messiah. Rinn e miorbhuilean sònraichte, agus labhair e mar nach do labhair duine riamh ’gidheadh dhiult iad e, a’ buntuinn ri ’n caraid mòr mar gu’m bu nàmhad e.Is e bh’ ann an so mighnètheileachd na tìre. A thuilleadh air sin bheannaich e iomadh sùla le solus, dh’ fhosgail e iomadh cluaise. Gidheadh cha do lean a mhòr chuid diubh sin e, oir an deigh ’aiseiridh cha robh aig de dhaoinibh a bha ’g a leantuinn ach mu shé fìchead. Agus cha-n e sé fichead a leighis e ach a réir an fhocail iomadh ceud. Nach mighnètheil gu ’m faigheadh duine a March 1876. “An Duine agus a Mhighnètheileachd.” [TD 6] [MIOS MAIRT, 1876. TD 2] shuilean o Chriosd, ’us nach faiceadh e Criosd leo. Ach is ann mar sin a bha. Bha mòran air an leigheas ach is beag a chreid. Is aithne dhuinn a rìs, gu ’n do bheathaich Criosd miltean de shluagh ocrach. Bha e car ùine ro mheasail aca, mar a bhitheas duine aig am bi builionnan ri roinn. Ach cha robh ni uatha ach na gheibheadh iad d’ a chuid. Faodaidh bhi gu ’n robh gu leòr de na daoinibh féineal ud a ghlaodh, “Ceus e, ceus e!’ Is ann mar sin a bhuin iad ri Criosd cuideachd ’n uair a bha e a’ teagasg an t-sluaigh. Theagaisg e dhoibh an fhìrinn ghlan, agus bu bhochd a thuarasdal uatha. Cha b’ urrainniad a ràdh mu na searmoinibh aige nach robh brìgh annta, no nach robh gràdh annta. Cha-n ’eil sinn a’ foghlum gu ’n do thuit codal air aon d ’a luchd-éisdeachd mar a thuit air Eutichus eadhon fo theagasg Phoil. Aig Nasaret ciod e a fhuair e, mar dhuais? Thug iad leo gu malaidh a’ chnoic e, agus thilgeadh iad sios e, mur d’ fhuair e teicheadh. An uair a theagaisg e na h-Iudhaich anns an teampul, “thog iad clachan a ris gu ’n tilgeadh air.” Am malairt air a shlainte, dh’ iarr cuid a ribeadh ’n a chainnt, agus chas cuid eile am fiaclan ann an corruich ghairg ris. Thug e solus a dh’ ionnsuidh an dorchadais, agus cha do ghabh an dorchadas e. Cia tric ’s a b’ éigin do chridhe Chriosd bhi air a chràdhadh le ainiochd dhaoine! An sud ’s an so bha boirionnach caoimhneil a fhrithealadh dha d’ a cuid, agus air amaibh lean anam gnètheil e mar dheisciobul; ach mar is trice cha do ghabh daoine r’ a ghràdh. Agus mar a b’ fhaide bha e ’s an t-saoghal is ann bu mhò a dh’ aithnich e de’ n mhighnètheileachd so. Chaith e a la uile airson dhaoine. B’ e a bhiadh agus a dheoch a bhi ’deanamh maith dhoibh. Cha do ghràdhaich màthair a leanabh riamh mar a ghràdhaich Criosd a phobull anns an t-saoghal; agus air na h-uile doigh dh ’iarr daoine a.bheatha gun sgur. An uair a sheas an sluagh ann ad sràid Ierusaleim a’ glaodhaich gu naimhdeil, “Ceus e, ceus e!” shaoileadh neach gur e bh’ ann mortair no meairleach, a rinn olc mòr air an t-sluagh, no a mhi-naomhaich nithean mòr Dhé. An àite sin is e sheas am fianuis an naimhdeis duine ciùin,—an duine a b’ fhein-aicheadhaichte, agus ’bu chaoimh a bha riamh air an talamh. Oh! mighnètheileachd mallaichte dhaoine! Mu dheireadh, fhuair an ginealach ud an rathad fhéin leis an Duine bhrònach, agus an deigh a sgiursadh, thug iad leo e chum a cheusadh. Sheas iad gu h-ainiochdmhor timchioll agus rinn iad magadh air a phian; labhair iad gu sgeigeil m’ a phearsa; rinn iad tàire air a chreidimh; rinn iad fanoid air ’ùrnuidh. Faic an da thaobh,—Iosa làn gràidh, daoine làn fuatha. Tha e ’bàsachadh airson pheacach, agus tha na peacaich a’ deanamh tàire air ’fhulangas. Ach c’ àite an robh na deisciobuil? Cha robh aon dhiubh an sin chum frithealadh dha. “Threig na deisciobuil uile e agus theich iad.” Cha robh aon neach dìleas cha robh a h-aon. Bha iad uile mighnètheil. II. BHA SINNE CUIDEACHD RIAMH MIGHNETHEIL DA ’R TIGHEARN. Cha bu mhaith leam bhi air mo mheas mar neach gun fhìrinn; ach bu cheart cho maslach bhi gun ghnè- theileachd. Dh’ fheuch saighdear a thearnadh o bhàthadh, agus a fhuair aoidheachd fhialaidh, gu gionach ri tigh ’us fearann an duine a shaor e fhaotainn o Philip righ Mhacedoin. Thug Philip orra na focail “An t-aoidh mighnètheil” a losgadh ann an craicionn a bhathais. Dh’ fheumadh an duine ud bhi mar Chain an uair a bha comharradh Dhé air. Dearbh gu bheil duine mighnètheil, ’us rinn thu na ’s isle na na h-ainmhidhean e. Tha an seann sgeul mu Androcles agus an leomhan a’ tighinn gu ’r cuimhue Shlànaich an duine an leomhan; agus bliadhnachan an deigh sin ’n uair a leigeadh a ris do ’n leomhan e chum a [TD 7] [MIOS MAIRT, 1876. TD 3] mharbhadh, luidh an leomhan sios aig a chosan agus dh’ aidich e mar charaid e. Is olc mighnètheileachd do chairdibh, is miosa e do phàrantaibh, ach is ann do ’n t-Slanuidhear a ’s miosa uile e. Eisdibh mata, agus deanaibh bròn mar a dh’ éisdeas sibh, oir tha mise ro bròn mar a labhras mi. Tha mi an toiseach a’ cur so an ire do chreidmhich. Tha mighnètheileachd ann am peacadh a’ chreidmhich ann an ceum; oir a dh’ fhuiling an Slànuidhear airson peacaidh, tha sinn mighnètheil an uair a theid sinn a stigh ’s a pheacadh. An toir sinne àite do ’n pheacadh a mharbh Criosd? Cuireamaid uainn e air fad! Na ’m faiceadh bean mortair an duine aige roimhe, agus gu ’n d’thugadh i gràdh dha, ciod e a theireadh daoine m ’a deighinn. Gu ’n gleidheadh an Tighearn sinn o bhi air cho beag nàire. N’ am b’ ann air dhoigh eile bha e air a chur as ar leth, eadhon gur beag seirbhis a tha sinn a’ deanamh agus gur beag a tha sinn a’ toirt da, am b’ urrainn sinn àicheadh? Ciod e rinn sinn riamh airson Iosa? Nach bu bheag e? An uair a leughas mi mu na naoimh a’ toirt seachad an cuid uile, a’ dol thar chuain, a leigeadh dhuibh an goireasan, agus a’ caitheamh an latha dlù do ’n bhàs, am measg fhiabhruis agus ainmhidhean fhiadhaich, agus sin uile air sgàth onoir Chriosd, tha mi air mo chòmhdach le nàire. Co sinn a bhraithre? Nach folaich sinn ar cinn ri amharc air ar neonuidheachd spioradail? Labhraidh mi nis mu chuid aig am bheil am mighnètheileachd na ’s mò a chionn gu bheil iad a ’diùltadh Chriosd gu h-iomlan. Tha sibh a’ cluinntinn gun sgur gu ’n d’ thàinig Iosa Chriosd gu h-iomlan. Tha sibh a’ cluintinn gun sgur gu ’n d’ thàinig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a thearnadh pheacach agus, “Cia b’ e a chreideas ann nach sgriosar e, ach gu ’m bi a’ bheatha shiorruidhaige.” A dh’ aindheoin air so, gus an dearbh àm-sa, the mòran agaibh a tha’ diùltadh earbsadh as; tha sibh a’ tuisleachadh air an fhocal air dhuibh bhi easumhal.” Ma dh’ aicheadhas sibh so, cuiridh mi a’ cheisd oirbh, Carson mata nach do ghabh sibh e mar Shlànuidhear? Carson tha sibh n’ ar naimheadean dha ann ’ur cridhe? Theagamh gu ’n abair sibh nach ’eil sibhse ’smuaineachadh air na nithibh so. Cha smuainich sibh eadhon airsan! Nach faic sibh luach annsan? Am bheil sibh gun suim d’ a fhuil? Dhiult sibh gus an là an diugh an Criosd a bhàsaich airson pheacach. Am bheil fhios agaibh ciod a rinn sibh? An urrainn sibh leantuinn air ’ur diùltadh, ann a dhearbh fhianuis? An abair sibh nis ris ’s an aghaidh, “A Mhic Dhe, a dhoirt d’ fhuil airson peacaidh dhaoine, cha-n earb sinn asad. A Mhic Dhé a’ bàsachadh an àite pheacach, cha gheill sinne dhuit?” Ach thubhairt sibh sin ’n a lathair, oir tha esan a làthair a ghnàth, ged nach mothaich sùil no cluas dha. Tha cuid ann ’us che leòr leò an Tighearna a dhiultadh, ach ni iad fochaod air an t-soisgeul agus ni iad tàire air a’ phobull. Fhir-focaid, ciod e rinn e riamh chum do chall? C’ uine a fhuair thu droch shealladh no droch fhocal uaith? Oh! is ann o esan a bhi ’na thosd tha thusa beò. Na ’n deanadh e casaid ort cha rachadh tu as a chaoidh; ach cha d’rinn e sin, is ann a thairg e eadar ghuidhe dheanamh air do shon. Chunnaic sinn air amaibh fa comhair nam breitheamhan aimsireil againn fearposda aingidh air a thoirt ’nam fianuis, airson droch caramh air a’ mhnaoi bhochd a bha ceangailte ris. Thoir sùil oirre. Tha am breitheamh ag iarraidh oirre fianuir a thabhairt. Guilidh i ’us crathaidh i a ceann, ach cha labhair i focal. Tha a’ cheisd air a cur oirre, “Nach do bhuin e gu h-olc riut an dé.” Is fhad mu ’m freagair i, oir tha gràdh aice fhathast do ’n duine gun diù, agus cha-n abair i focal ’n a aghaidh. Ciod e mar tha cridhe an duine sin ’n a chloich, mur toir e gràdh dhu gu bràth tuilleadh. Ach faic coimeas na ’s urramaiche na sin. Sin agad an Tighearna a lot thu gu goirt le do labhairt aingidh agus le d’ fhochaid geur; an uair a dh’ [TD 8] [MIOS MAIRT, 1876. TD 4] fhosgaileas esan a bheul chum labhairt airson pheacach, tha e ’glaodhaich, “Athair thoir maitheanas doibh oir cha-n ’eil fhios aca ciod e tha iad a’ deanamh.” Tha an fhìrinn ag ràdh gu’ n “d’ thainig e dh’ ionusuidh a dhùthcha féin, agus nach do ghabh a mhuinntir féin ris.” Nach d’ thainig an Tighearn Iosa a dh’ ionnsuidh na muinntir ’n ar measg féin a bha mar gu ’m b’ e a mhuinntir féin iad? Tha thu an sin tha ’n ad mhac ionmhuinn aig do mhàthair a tha nis an glòir, agus aig an robh gràdh mòr do Chriosd; agus an uair a thainig Criosd do ’d ionnsuidh, dh’ fhaodadh e ràdh, “Is e so mac m’ fhior bhan-charaid, mac mnatha a thug a cridhe dhomh; cha-n fhaod a bhi nach gràdhaich esan mi.” Ach dhùin thu an dorus air. Theagamh gur mac ministeir soisgeul thu, ach tha thu ’n ad nàmhad do Dhia. Bhuineadh do chloinn minìsteir bhi air taobh an Tighearna; ach cha-n’ eil iad uile mar sin. Aen bheil neach dhuibh ’gam chluintinn? Feuch nach bi thu mighnètheil do Dhia d’ athar. III. CIOD E RIS? CIOD E DHE SO UILE? An toiseach, cuireamaid meas air fulangas Chriosd. Bu mhòr amhghar a chuirp; ach bu mhò gu mòr amhghar ’anama, agus cha b ’e a’ chuid bu lugha dheth mighnètheileachd cuspairean a ghràidh. Tha fhios agad nach ’eil aon ni a lotas na ’s goirt na mighnètheileachd, gidheadh bha e ’coinneachadh ri Criosd a ghnàth. Faicibh rìs, gràdh Chriosd. Dh’ aithnich Criosd roimh laimh gu ’m buineadh daoine gu h-ainiochdmhor ris,—gidheadh cha do leig e dheth obair ghràidh. Lean e air adhart, troimh mhichliù, agus tàire, agus fhocaid, agus gach truaighe eile, gus an do chriochnaich e saoradh a phobuill. A bhraithre ionmhuinn, faicibh a rìs cumhachd mòr fola glanaidh Chriosd a ’s urrainn peacadh uamhasach a’ mhìghnètheileachd a dhubhadh as. Ged a thainig a g’ a dhùthaich féin, ’us ged nach do ghabh a mhuinntir féin ris, gidheadh dhoinhsan a ghabh ris thug a cumhachd a bhi ’nan cloinn do Dhia, eadhon do mheud ’s a chreideadh ’n a ainm. Am bheil thu fad leth ceud bliadhna a ’diùltadh Chriosd? Thig d a’ ionnsuidh a nis, agus maithidh e do pheacadh. Thig, agus bithidh dhith do bheatha agad. Agus ciod e a dh’ éireas dhoibhsan a bhàsaicheas mar dhaoine a chaith an là mighhnètheil do Chriosd? Tha crioch air tròcair fhéin. Gabhaidh ceartas aìte tròcair aig a’bhàs. Thubairt neach àraidh gur e “Ceartas Dhé an gràdh ’na lasraichean,” agus tha e fior. An uair a thionndaidheas an gràdh gu bhi ’n a eudach, tha e ainiochdmhor mar an uaigh. Faodaidh daoine tàire dheanamh air Criosd, ach thig e rìs, agus tha e fhéin ag ràdh “Feuch tha mi tighinn gu luath.” Thugaibh an aire, oir ’s an là sin ’s e so am focal a bhitheas ann, “Feuchaibh, a luchd-tarchuis, agus gabhaibh iongantas, agus rachadh as duibh.” Bheir e maitheanas duibh a nis; tha e ’feitheamh air a bhi gràsmhor nis. Ach rachadh grian na tròcair fodha, agus fanaidh dubhar an dorchadais gu bràth. Tha e air- iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 9] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1876. “RABHADH DHEICH MIONAIDEAN!” LE DR. GUTHRIE NACH MAIREANN. [Dealbh] O CHEANN beagan bhliadhnachan thachair ni an Duinéidin chuir uamhas air a’ bhaile. Bha sinn uile air ar lionadh le doilgheas, mar a chaidh sinn stigh do ’n eaglais air maduinn Sabaid ’s a Mhairt 1862, le ’chluinntinn gu ’n do thuit tigh eadar tigh Eoin Knox agus an Drochaid tuath, air taobh tuath na Sraid airde, agus gu ’n do mharbhadh mòran sluaigh—air an tiodhlaiceadh fo na ballachan leagta. Cha b’ urrainn mise dol ann an sin, ach chaidh mi ann aig codhùnadh na seirbhis, agus chunnaic mi sealladh muladach. Bha am balla-beoil air tuiteam sios, a ’fàgail an dà thulchainn, agus an balla-cùil ’nan seasamh. Bha na daoine mar tha air dha no ceithir cuirp dheug a chladhachadh as an dùn. Thòisich iad aig da uair ’s a mhaduinn, agus bha e nis ceithir uairean m’ fheasgair, agus bha eagal orra á April 1876. “Ten Minutes’ Warning.” [TD 10] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1876. TD 2] leantuinn na b’ fhaide—an toiseach, a chionn gu ’n robh an oidhche a’ tighinn; agus a rìs, a chionn gu ’n robh stoirm ag éiridh, agus bha eagal air mòran gach mionaid gu ’n tuiteadh na ballachan uile, ’us iad ceithir fichead troidh an airde, agus gu’n tiodhlaiceadh iad na daoine a bha ag obair aig am bun. Cia cho cràiteach ’s a bha e amharc air an àite! B’ eagallach ri fhaicinn, mar a bha an oidhche a’ dubhadh, air na ballachan fad suas gu ’m mullach, an t-eudach a’ crochadh, a chuir an luchd-àiteachaidh dhiubh mu ’n deachaidh iad a chodal; agus an tigh air tuiteam sios a’ giulan leis, daoine, mnathan, ’us clann,—a’ codal no ’n an dùisg, a’ peacachadh no ag urnuidh, cia b’ e mar a bha iad aig an àm,—a dh’ ionnsuidh an aoin uaighe ann am priobadh na sùla. Chunuaic mi bata, ’us bu chianail an sealladh, an crochadh gu h-ard air a’ bhalla reubta; a chuir an neach da’ m buineadh e an sin gun smuain nach bitheadh e ’n a laimh gu bràth tuilleadh! Bha sgathan ’us sgathan ann far an d’ amhairc boirionnaich air am maise, agus far an do sgeadaich iad iad fhéin, an crochadh suas, a’ dealradh ann an solus an fheasgair. Bha da uaireadair balbh ann, ceaugailte ris a’ bhalla mu thri ficheadh troidh suas, ag innseadh an uair air do thachair an sgiorradh; bha iad ’n an samhladh air cor na muinutir do ’n do bhuin iad, aig an robh acfhuinn na beatha nis ’n a thàmh. Air maduinn an ath latha, chaidh mi rìs do ’n àite bhrònach. Bha na ballachan fhathast ’n an seasamh. Bha eudach nam marbh fhathast an crochadh suas orra; bha soithichean de dh’ iarunn-geal a’ dearrsadh ’s a ghréin; bha gillean-mirean na cloinne ann,—bha àitean-tasgaidh ann leis na soithichean fhathast an deagh ordugh,—coireachan air na h-éillibh fuara, far an robh na teintean beò fad an deigh bàis na muinntir a bheothaich iad; agus a thuilleadh air sin is iomadh ni a dh’ innis gu ’n robh an sluagh—mar a thachaireas aig tighiun Chriosd, agus mar a bha daoine roimh an dile—gun smuain air an sgiorradh uamhasach, agus ag ullachadh gu h-ealamh airson “an latha mairich.” Air dhomh an tigh leagta fhaicinn, dh’ iarr iad orm dol a dh’ fhaicinn nan corp. Is mòr a chunnaic mi de na mairbh, ach cuirp na ’s eagallaiche agus na ’s muladaiche mar shealladh, cha-n fhaca mi riamh, na iadsan a chunnaic mi an sud anns a “Pholice Office.” Bha aon bhoirionnach ann, agus bha coslas oirre a bàs a bhi fadalach agus piantach; ach ged a bu ghoirt an sealladh, bha sòlas ann am bhi a’ creidsinn gu ’n robh ùine aice chum a h-anam earbsadh ri Dia ri h-uchd a’ bhàis; agus an Ti a nochd tròcair do ’n ghadaich aig a bhàs, dh’ fhaoidteadh gu ’n do nochd e tròcair dithse. Bha neach eile ann mu ’n robh e soilleir gu ’m faca i na bha gu tighinn beagan roimh laimh. Bha i mar gu ’n do dhuisg i á codal gu fhaicinn gu ’n robh am bàs am fagus. Bha neul uamhuinn air a sùilibh, a beul, a h-aghaidh gu léir; agus an uair a bha i fo ’n uamhunn ud, thainig am bàs, ’us dh’ fhan a coslas mar a bha e; ’us b’ oillteil e! Bha e ’n a shealladh cràiteach, ach bha teagasg ann. Bha e mar gu’m bitheadh Dia a’ labhairt ’s ag ràdh ri daoinibh, “Bithibhse ullamh mar an ceudna!” “ Deanaibh ’ur gairm ’us ’ur taghadh cinnteach!” “Is e so an t-àm taitneach, is e so là na slàinte!” Tha sibhse a’ smuaineachadh gu ’n éirich sibh màireach. Tha cuid agaibh a shuidhich air obair an ath latha; tha an t-àite so ri dol ann, agus an neach ud ri fhaicinn,—tha iad a’ cunntadh air maireach a bhi aca. Gidheadh faodaidh bhi nach fhaic iad a chaoidh e. Iarraibh uime sin an Slanuidhear. Iarraibh a nis e. Na deanaibh moille. Na fanaibh ris an là maireach. Is sona iad a gheibhear leis a bhàs air an glùnaibh an nochd! mu ’n luidh iad sios chum fois, a lùbas ann an ùrnuidh dhùrachdaich do Dhia, ag iarraidh tròcair aig a laimh ghràsmhoir. Air dhomh tigh nam marbh fhágail, ràinig mi tigh nam beò,—a mhuinntir [TD 11] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1876. TD 3] a thugadh beò as a chunnart. Chunnaic mi an sin leanabh a chladhaicheadh á seachd troidhean de smùireach ’us clachan, an deigh bhi tri uairean a dh’ ùine ann. Bha i ’n a codal ’us bu choslach i ris na mairbh a dh’ fhàg mi. Bha da nighean òga, maiseach, glana, tapaidh, ’n an luidhe fo eudach-leapa air an urlar. Thubhairt mi ri aon dhiubh, “An d’ fhuair sibh rabhadh air bith?” “Oh, fhuair, chuala mo mhàthair fuaim sgoltaidh, agus dh’ éirich, i ’us thubhairt i gu ’n robh an tigh a’ tuiteam.” “Agus ciod e thachair an sin?” “Oh, faicibh, cha chuala i rìs e, agus thainig i a chodal cuide riumsa.” An sin dh’ fhoighnich mi, “Co fada ’s a bha sibh ’s an leabaidh mu ’n do thuit an tigh?” Thubhairt i, “Mu dheich mionaidean, ’n uair a thainig mullach an tighe nios, agus thuit mi sios leis, gus nach ’eil cuimhne agam air ciod e a thachair.” Bha i an sin mar neach a thainig as an uaigh. Le solus leois agus solus gasa dh’ oibrich na daoine air an adhart fad na h-oidhche, a’ cladhachadh anns an dùin chlach ’us aoil, gus an d’ rainig iad an da nighinn ud. Fhuair iad mar dha chorp marbh iad. Mar is minig achrath duine an t-uaireadair aige an uair a stad e, agus a chuir e ’n a shiubhal e, chrath iad an dithis chaileag, na cuirp mar chuirp marbha,—leis an lighich a’ cumail a mheur air an cuisle. Thoisich a’ chuisle air bualadh,—tha iad beò fhathast! agus mar sin chunnaic mise an dà chreutair òg mar dhithis a spionadh á greim a’ bhais. Chunnaic mi ’s na paipeirean gu ’n robh cuid eile a bhruidhinn mu dheich miouaidean a fhuair iad chum teicheadh. Cia cho cudthromach ’s a bha na deich mionaidean! Theich cuid a’ gabhail an rabhaidh, agus tha iad fhathast beò,—thearuinn deich mionaidean iad! Dhearmaid cuid eile an earail, chaidh iad a chodal agus tha iad a nis marbh! Faodaidh deich mionaidean sin a dheanamh dhuitse!Bha beatha na muinntir ’s an tigh ud an crochadh air an fheum a dheanadh iad de dheich mionaidean,—agus faodaidh do shlainte shiorruidh-sa bhi mar sin. Gabh rabhadh. Teich a dh’ ionnsuidh a’ chroinn-cheusaidh; cuir do ghairdeanan timchioll da; glaodh, “Tearuinn mi, A Thighearn’ Iosa, mu ’m bàsaich mi!”—agus rach do neamh. Diult an rabhadh éisdeachd,—agus rach sios do ifrinn. Bha aon teaghlach ann air an robh Bacster mar ainm, air a’ cheathramh sreath de ’n tigh, nach do chaill aon neach de ’n aireimh. Is e feòladair bha ’n a cheann air an tigh. Bha maduinn na Sabaid ann mu ’n d’ thainig e stigh. Bha a’ bhean ’s a chlann air dol a chodal. Dh’ éirich ise agus rinn i suipeir dha, agus an deigh sin chaidh i a luidhe; ach mar bha i ’tuiteam ’n a codal chuala i fuaim sgoltaidh, agus farum mar gu ’m bitheadh clachan a’ tuiteam, agus dh’ éigh i, “Sin rabhadh dhuinn!” Ghàir esan rithe, ach ann an tiotadh ghlaodh nighean as an t-seòmar eile, “’Athar! ’Athar! A mhàthair! A mhàthair!” Ghrad leum e stigh; agus chunnaic e an leabaidh air an robh an nighean agus triùir chloinne ’n an luidhe ’n a dhà leth! Thoisich an seòmar air dol sios! A’ dùsgadh an teaghlaich uile, ghreas e leo a dh’ ionnsuidh an doruis.—a’ bhean ’us naoinear chloinne. Ghabh a’ chlann, a’ bhean, ’us e fhéin as, a’ teicheadh airson am beatha. Thachair gu ’n robh dorus o ’n staidhir air an robh iad a dh’ ionnsuidh tigh eile a bha dlù dhoibh; dh’ fhalbh iad d’ a ionnsuidh. Chaidh an teaghlach a stigh air, ’us bha iad sàbhailt; ach mu ’n d’ ràinig an athair e, dh’ fhalbh urlar an tighe ’us bha bearn mhòr eadar e ’us iad, ’us bha a’ bhearn dol na ’s mò gach mionaid. A’ cur a neart uile ris, thug an duine leum ’us rainig e an t-àite air an do sheas iad,—le sin a’ tearnadh a bheatha. Tha e beò a nis. Agus cho luatha ’s a rainig e, ciod e thoisich e air a dheanamh? An ni a ni sinne aig là a’ bhreitheanais. Agus ciod e sin? An uair a dh’ eireas sinn o ’n uaigh ma ’s pobull Dhé sinn, toisichidh sinn air a’ chlann againn ’àireamh dh’ fheuchainn am bheil iad [TD 12] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1876. TD 4] uile an sin—am mac ud, agus an nighean ud. Bha naoinear chloinne aig Bacster, agus cha robh an sud ach a h-ochd. Bha aon dhiubh uaithe. Nar leigeadh Dia air an là mhòr agus air deas laimh na caithreach gu ’m bi a h-aon de ’r cloinn uainn! Ma tha a h-aon agaibhse aig am bheil leanabh gun aithbhreith, agus a tha a’ leantuinn an uilc, oh! guidhibh air a shon mu ’n tig a’ bhearn gu bhi na ’s mo, gu ’n sàbhailear e. Thoisich e air cunntadh agus bha a h-aon uaithe. An do bhàsaich an aon sin? Moladh gu ’n robh do Dhia! cha do bhàsaich. Bha Sine uatha, ach bha i tearuinte. Leum an creutair òg as a leabaidh ’us i ’na leth duisg. Chuir an srachdadh, ’s an reubadh, ’s gach fuaim sgreataidh a bh’ ann, ann am breislich i, ruith i gu bun na staidhir, agus an sin thachair duine uasal oirre a fhuair ’s a ghal i, agus thug e leis dhachaidh i. Fhuaireadh an aon a bha caillte, agus air an ath là bha i an greim blàth gairdeanan a pàrantan. Oh, gu ’n ruigeadh oirrne aon là an t-aoibhneas ud, a bhi comasach air a bhi ag radh mu gach leanabh againn, “Mo mhac, no mo nighean so, a bha marbh, tha iad beò.” Iarraibh sin! Cia lionmhor na leasanan mòra tha so a’ teagasg dhuinn! Seallaibh ris an rabhadh! Cha robh na dorsan a’ falbh gu ceart o cheann ùine fhada,—bha rabhadh an sin; bha sgoltaidhean ’s a mhullach,—bha rabhadh an sin; bha na h-urlaran a’ tuiteam sios,—bha rabhadh an sin; bha mìrean aoil a’ tuiteam o ’n bhalla,—bha rabhadh an sin; bha na puist ag aomadh,—bha rabhadh an sin. Iomadh rabhadh gu ’n robh an tigh an cunnart tuiteim. Bha mise a smuaineachadh air cho lionmhor rabhadh ’s a th’ aig daoinibh, agus gidheadh nach fhaicear cùram orra. Tha am falt a’ fàs liath ’s a’ tuiteam dhiubh; tha na fìaclan a’ tighinn asda; tha na sùilean a fàiligeadh; tha an ceum ’s an anail a fàs goirid; is duilich dhoibh bruthaich a dhireadh; cha-n urrainn iad obair cinn no laimhe dheanamh mar a b’ àbhaist; tha iad sin uile ag innseadh mu bhàs a’ chuirp. “Oh!” ars’ tusa, “nach iongantach nach gabh iad sin an rabhadh!” Ach ciamar tha mòran ann nach smuainich mu ’n bhàs, no mu ’n bhreitheanas mòr,far an toirear a’bhinn a mach,cha-n ann airson tìm, ach airson bithbhuantachd? Mo chairde, gabhaibh ris an rabhadh. Na cuiribh uaith e. Na abraibh, “Is maith sin uile do dhaoinibh eile, ach cha bhuin e dhomhsa,—chi mi màireach,—air an ath sheachduin,—air bliadhna eile,—an deigh iomadh bliadhna!” Cha-n ’eil fhios agad air sin; agus ged a bhitheadh, ma chi thu an là màireach ’n a do staid pheacaich, bithidh tu na ’s fhaide o shlàinte na tha thu an diugh. Faic iad sud marbh am priobadh na sùla agus gabh rabhadh. Bi beò do Dhia, bi beò do Chriosd, bi beò cha-n ann a mhàin airson do thearnaidh fhéin ach airson maith chàich,—airson anaman tha ’dol a dhìth. Cha-n ’eil ùine r’ a chall. Tha am Breitheamh aig an dorus. Tha guth Chriosd, mar o shean, a’ seirm ann an cluasaibh saoghail pheacaich, chodalaich, ag ràdh,—“Deanaibh faire, uime sin, d’ eagal, air dha tighinn gu h-obann gu ’m faigh e ’n ’ur codal sibh!” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuiuntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS EDINBURGH. [TD 13] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. AN CEITEAN, 1876. “PHEACAICH NA H-UILE.” [Dealbh] “For real sins there is a real saviour provided by God.” See page 4. PHEACAICH na h-uile! Is e sin a tha Dia ag ràdh mu ’n duine. (Rom. iii. 23, ea. 12.) Gu bheil an Dia a rinn an duine, agus a rinn gun pheacadh e, ag ràdh gu-n do pheacaich na h-uile! Air oidhche na cuirme moire ann an lùchairt rìgh Bhabiloin, ’n uair bha iad ag itheadh ’us ag òl, agus ri spòrsa, thaiuig meòir laimhe duine a mach, agus sgriobh iad air a’ bhalla mu choinnimh an rìgh, na ceithir focail eagallach ud:— MENE, MENE, TECEL, UPHARSIN; aig an e an seadh anns a’ chainnt so, Air ’aìreamh, air ’aireamh, air a chothromachadh, air a roinn. Is e bha an sin briathran breitheanais o’n Tighearn a lion cridhe Bhelsasair le h-eagal, eadhon mu’u do mhiuich Daniel iad. Mar a mhìnich am faidh iad, dh’fhoillsich iad léir-sgrios an rìgh agus a rioghachd. Is e sgriobhadh uamhasach a bh’ann dàsan,—teachd- May 1876. “All have sinned” [TD 14] [AN CEITEAN, 1876. TD 2] aireachd o Dhia neimh. Cha lugha an teachdaireachd uamhais duinue e; oir tha Dia a’ labhairt ann, mu pheacadh, mu bhàs, agus mu bhreitheanas. TECEL: Is e sin an sgriobhadh air ar balla, air ar n-ard-dorsaibh, air ar bathais ; seadh gu h-iomlan air an talamh so,—air a luchartaibh agus air a bhothanaibh, air a bhailtibh mòr’ ’us beaga, air a sràidibh agus a mhargaidhibh; a stigh ’us a mach, gu soilleir, so-leughaidh,—Tecel: “Air do thomhas air a’ mheigh, agus air d’ fhaotainn easbhuidheach!” Direach mar sin tha am breitheanas a tha ’s an fhocal, “Pheacaich na h-uile!” Nam bitheadh suilean againne a chitheadh, gheibheadh sinn na focail ud sgriobhta air gach làimh dhiun, agus os ar cionn agus fothainn; agus chitheamaid air ball gur ann o Dhia tha na briathran—an Dia nach dean breug; an Dia nach antromaicheadh peacadh a chreutairean féiu; agus nach measadh ’n a pheacadh an ni nach robh ach ’n a thruaighe, agus nach dìteadh an dream sin mar pheacaich nach d’ rinn cron do Dhia no do dhaoinibh. Tha “pheacaich na h-uile,” air a sgriobhadh sios an aghaidh an duine, air speuraibh agus talamh, chum ’us gu’m faod na h-uile a leughadh, agus aithne fhaighiun air an fhìrinn mhuladaich. An neach aig am bheil sùilean chum amharc, faiceadh e. Seall suas, O dhuine, agus faic an sgriobhadh! Tha gnothuch agad ris, oir is e an fhìrinn e; agus is e th’ ann teachdaireachd a chuir am Breitheamh thugad roimhe laimh. Seadh, tha am Breitheamh ag ràdh, “Pheacaich na h-uile.” Tha an lagh ag ràdh, “Pheacaich na h-uile.” Tha leabaidh a’ bhàis ag ràdh, “Pheacaich na h-uile.” Tha gach uaigh ’s a’ chladh ag ràdh, “Pheacaich na h-uile.” Is e so mata na tha Dia ag ràdh mu dhaoinibh; agus tha e ’g a ràdh cha-n ann aon uair no a dhà, ach gu trice ’us air iomadh doigh, air achd ’us nach fhaod mearachd a bhi ann. Ciod an cudthrom tha ’s an dà fhocal ud, NA H-UILE, agus sin, PHEACAICH IAD! Thainig iad o bhilibh Dhé; agus is aithne dhasan na their e; tha brìgh anns na their e; tha e a’ labhairt ruinne; tha e a’ labhairt ri cloinn Adhaimh—“Pheacaich na h-uile.” Faodaidh daoine bhi mithoilichte leis na tha so a’ cur ’n a aghaidh. Ach an urrainn e ràdh nach e an fhìrinn a th’ ann? An urrainn e a ràdh, “Cha do pheacaich mise.” An urrainn e sin a ràdh ri Dia? An urrainn e a ràdh ris féin? No ma ’s urrainn, an urrainn e a dhearbhadh? Am bheil a chaith-beatha ’toirt dearbhachd air? Agus ged a bhitheadh a bheatha o’n leth mach ’g a dheauamh, ciod e m’ a bheatha o’n leth steach?—ciod e mu ’n duine gu léir o’n leth steach? Cluinneamaid cuid de na nithibh a tha Dia ag ràdh mu ’n duine; agus cuimhuicheamaid gur e Dia a’ ghràidh a tha ’labhairt. Is e an gràdh a tha ’toirt a leithid a rabhadh an aghaidh peacaidh, mu ’n rachadh daoine air adhart gu dall, agus gu ’m bàsaicheadh iad. “Cò e an duine, gu’m bitheadh e glan?” (Iob xv. 14.) “Cionnus a bhitheas esan glan a rugadh o mhnaoi?” (Iob xxv. 4.) “Rinn iad an cridheachan mar chloich adamaint.” (Sech. vii. 12.) “Bha an talamh truaillidh am fianuis Dhe.” (Gen. vi. 11.) “Cha-n ’eil neach ann a ni maith.” (Salm xiv. 1.) “Chlaon iad uile.” (Salm xiv. 3.) “Chaidh gach aon diubh air ais.” (Salm liii. 3.) “Cha-n ’eil neach treibhdhireach am measg dhaoine.” (Mic. vii. 2.) “Tha iad uile fo pheacadh.” (Eom. iii. 9.) “Cha-n ’eil ionracan ann, cha-n ’eil fiù a h-aon.” (Rom. iii. 10.) “Marbh ann am peacadh, agus ann an euceartaibh.” (Eph. ii. 1.) “Chaidh sinne uile, mar chaoraich air seacharan.” (Isa. liii. 6.) Is iad sin beagan de bhriathraibh Dhé leis an d’ innis e dhuinn mar a tha [TD 15] [AN CEITEAN, 1876. TD 3] esan a’ faicinn a’ pheacaidh, agus a bheachd air cor an duine. Gabhamaid iad, agus thugamaid breth oirrne féin leo. Cha-n ’eil maith ’s am bith ann am bhi ’mealladh ar cridhe, no ann am bhi ’g ar meas féin na ’s fhearr na tha sinn, no na’s neochiontaiche na thubhairt Dia a tha sinn. “An t-anam a pheacaicheas bàsaichidh e” (Esec. xviii. 4); “is e tuarasdal a’ pheacaidh am BAS” (Rom. vi. 23); Is MALLAICHTE gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a tha sgrìobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh” (Gal. iii. 10); “tha FEARG Dhé a’ tighinn air cloinn na h-easùmhlachd.” (Eph. v. 6.) Thug Dia air an duine aon uair ’fhaicinn ’us a chluinntinn a bheachdsa air a pheacadh. O Shinai, am measg theine ’us dheataich, thairneanaich ’us chrith-thalmhainn, labhair e ri cloinn nan daoine mu lagh, mu pheacadh, mu fhireantachd, agus mu bhreitheanas. Nochd e dhoibh nach e th’ anns a’ pheacadh ni beag, no alltapadh a mháin, no tachartas; ach ni gràineil aig Dia, agus ni a leanas e le peanas; oir cha robh na h-uamhasan a chrath am fàsach an sin ri choimeas ris na h-uamhasaibh a bhuaileas, aon là, air coguis a’ pheacaich, agus a lionas ’anam le truaighibh “a breitheanais shrorruidh.” Amhairc air Sinai, O dhuine, agus foghluim ciod e sin lagh, ciod e sin peacadh, ciod e sin fìreantachd Dhé, ciod e tuarasdal a’ pheacaich! “Co do’n aithne neart ’fheirge?” agus co do’n aithne na ’s urrainn an fhearg sin a chur an gniomh ’s an là anns an éirich Dia chum breitheanais, agus an uair a chuireas e mar “an Tighearn Dia naomh,” ar peacaidhean uaigneach “ann an solus a ghnùis?” Aon uair eile, thug Dia air an duine a bheachd air a’ pheacadh fhaicinn. Chuir e o neamh ’Aonghin Mhic a dh’ ionnsuidh an t-saoghail, chum ar beatha a chaitheamh agus ar bàs ’fhulang; chum a bheatha ’thoirt airson ar beatha, agus a bhàs airson ar bàis. An ti do nach b’aithne peacadh rinneadh e ’n a pheacadh air ar son-ne; an ti a tha beannaichte, rinneadh e ’n a mhallachd air ar son-ne. Tha a bheatha l’a chuid amhgharaibh a’ nochdadh na rinn am peacadh,—an cudthrom a bh’ ann eadhon do’n Aon naomh, an uair a leigeadh air e mar Fhear-giúlan peacaidh. An uair a thubhairt e, “Tha m’ anam ro bhrònach, eadhon gu bàs,” dh’ innis e dhuinn mu nàdur agus mu thoradh a’ pheacaidh. An uair a ghlaodh e air a chrann-ceusaidh, “Mo Dhia, mo Dhia, c’uime a threig thu mi?” nochd e cudthrom uallaich a’ pheacaidh, agus uamhas feirge Dhe ’n a aghaidh. Is e crann-ceusaidh Chriosd am foillseachadh a’s soilleire agus a’s eagallaiche air peacadh a chunnaic an saoghal riamh, no a chi e gu bràth. Nochdaidh “an teine nach mùchar” mòran duinn mu’n pheacadh; agus tha an crann -ceusaidh a’ nochdadh na’s mò. Cha tuig duine gu bràth meud amhghar Chriosd; agus mar sin, cha tomhais duine gu bràth cionta a’ pheacaidh, no iomlanachd peanais a’ pheacaich. Ach is e an crann-ceusaidh sin a tha ’nochdadh gràis do ’n pheacach. Tha e ag ràdh, “Pheacaich na h-uile;” ach tha e ag ràdh, “Tha maitheanas ann!” Tha e ag ràdh, Tha fuath aig Dia do ’n pheacadh; ach tha e ag ràdh, Tha gràdh aig Dia do ’n pheacach! Tha e ag ràdh, An t-anam a pheacaicheas, bàsaichidh e; ach tha e ag ràdh, Faodaidh ceann-feadhna nam peacach bhi beò! Amhairc air a’ chrann-ceusaidh sin, O a dhuine! Tha dìteadh a’ pheacaidh an sud; ach tha saoibhreas gràis ann. Tha am bàs an sud, ach tha beatha ann cuideachd. Anns a’ chrann-ceusaidh ud faic an iobairt mhòr airson peacaidh. Tha an iobairt-loisgte an sin; agus annsan chithear iomlanachd Mhic Dhé air a chur an àite neo-iomlanachd an duine, ann am bhi ’diùltadh gràdh a thoirt do Dhia le’r n-uile chridhe. Tha an tabhartas-sìthe an sin; agus annsan chithear iomlanachd an Aoin naoimh [TD 16] [AN CEITEAN, 1876. TD 4] ’g ar deanamh réidh ri Dia le ’fhuil. Tha an iobairt-pheacaidh an siu; agus annsan chithear iomlanachd an Aoin ghlòrmhoir a’ faotainn maitheanais airson peacaidh an ainfhios agus an aineolais. Tha an iobairteusaontais an siu; agus annsan chi sinn iomlanachd an Aoin bheannaichte a’ faotainn maitheanais airson peacaidh aithnichte. Seadh; is e sin “Uan Dé, a tha ’toirt air falbh peacaidh an t-saoghail.” Gabhamaid an obair sin an àite na h-oibre againn féin, agus éiridh gu maith dhuinn. Gabhamaid ris an t-sìth agus a’mhaitheanas. Tha sinn a’ creidsinn agus a’ faotainn maitheanais. Tha sinn a’ creidsinn na fìanuis mu réite Chriosd agus a’ faotainn a thoraidh. Tha sinn a’ leigeal ar laimhe air ceann an Uain agus tha malairt mòr ann—tha esan a’ gabhail ar peacaidhne, agus sinne a’ faotainn fhìreantachdsa. Cia saor, cia simplidh, agus cia dlù! creid agus mair beò! “Pheacaich na h-uile;” is cudthromach na briathran iad so a rainig oirnne, chum gu ’m bitheadh na h-uile beul air a dhruideadh, agus an saoghal gu léir air fhaotainn ciontach an làthair Dhé.” Cha-n ’eil cionta ann nach gabh toirt air falbh le Criosd. Faodaidh gach peacadh bhi air a mhaitheadh tridsan. Ghiùlain e peacadh, agus faodaidh e tearnadh. Mo pheacaidhean! arsa Luther ’n a eudòchas mar gu’m bu ro mhòr iad airson maitheanais. Ciod e! ars’ neach ris, an e bhitheadh agad dealbh peacaidh, agus am foghnadh an sin dealbh Slànuidhir? Airson peacaidh fhior tha Slànuidhear fior ann, ach cha-n ’eil e ann airson dealbh peacaidh. O cheann tri cheud bliadhna bha duine mòr ’s a Ghearmailt, Christopher Hass, air leabaidh a bhàis. Chunnaic e am bruadar sgriobhaiche ’tighinn d’a ionnsuidh, agus a’ toirt leis paipeir, ite, ’us dubha, ’s a suidhe sios r’a thaobh. “O, a Christopher,” ars’ esa, “dean àireamh air do pheacaidhean a nis, oir thainig mise gu’ n toirt chum a’ bhreitheanais.” Chunnaic an duine urramach Satan an riochd au sgriobhaiche, agus fhreagair e, “Sgriobh thusa an toiseach so os an cionn, Bruthaidh siol na mnatha ceann na nathrach; an sin cuir sios mo pheacaidhean.” Theich an sgriobhaiche an sin air ball. Buineamaid mar so ri’r peacaidhean. Cuireamaid fa chomhair Dhé iad gun eagal. Tha iad mile uair na’s lionmhoire na ’s aithne dhuinn. Ach glanaidh an iobairt as iad. Tha Criosd comasach. Is leòr e airson na h-uile peacaidh. Cha-n ’eil uainn ach Iosa. Is leòr a lànachd. Foghnaidh làn an t-soithich a lion Dia airson aireimh gun innseadh. Cuireamaid onoir air. “Tha altair againne,” agus tha an iobairt air. Iarramaid fasgath ’us saorsainn an sin troimh an fhuil. Cha-n ’eil feum againne air “oibreachadh” chum maitheanas fhaotainn. Rinn Criosd an obair o chionn fhada. Chriochnaich e i gu léir. “Uime sin bitheadh fhios agaibh-sa, gur ann troimh an duine so tha maitheanas pheacaidhean air a shearmonachadh dhuibh; agus trìd-san tha gach neach a chreideas air a shaoradh o na h-uile nithibh.” (Gniomh. xiii. 38.) Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 17] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1876. GLAODH AIR A CHLUINNTINN. “Ann an glaic a laimhe.” [Dealbh] Faic taobh duill. 4. “AM bheil thu ’tighinn a níos màireach?” “Ma chuireas an Tighearn ni thugam air do shon, thig mi!” Ceisd ’us freagradh aig crioch oibre cruaidhe latha an ceann shios Lunnuin, ri linn gorta mhòir am measg an t-sluaigh. Bha daoine a’ tional airgid dhoibh air gach taobh. Am measg chàich, b ’eudmhor a bha an duine gràdhach sin Dr. Seumas Hamilton; agus ’n uair a ràinig mi dhathigh bha litir agam uaithe ’g am iarraidh air an ath mhaidinn. Ré na h-oidhche thuit sneachd mòr; agus air a’ mhaidinn, bha e fhathasd a’ tuiteam gu trom,—’us e cho domhainn ri mo ghlùn, air tighibh, air rathaidibh, air sraidibh, ’us iad uile cho geal; agus gun chomas gluasad aig cart no carbad. Le sluagh gu’n ghreim arain an aon June 1876. “A cry heard.” [TD 18] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1876. TD 2] àite biadh a’ feitheamh orra an àite eile, miltean a dh’ astar eadorra fo shneachd mòr,agns mo ghealladh agam air mo choguis mar shlabhraidh ’g am cheangal—chaidh mi mar a’ dh’ iarradh orm. Bha e ro thoilichte ’n uair a ràinig mi! Chuidich e leis an t-sneachd a chrathadh dhe mo chòta, ’us thug e stigh mi a dh’ ionnsuidh seòmair bhlatha, ghoireasaich, ’us an sin thoisich e air an airgiod a fhuair e a thaomadh mach dhomh air a bhord! Le meadhon cuideachaidh agam a nis, dh’ fhalbh mi am measg nam bochd ’us nan uireasbhuidheach, daoine, mnathan, ’us clann, am measg an robh mi ’saothrachadh ann am focal agus ann an teagasg. O sheòmar gu seòmar, an tigh an deigh tighe, lean an obair; an so a’ coinneachadh ri màthair a’ fannachadh, le clann ag iarraidh arain; agus a rìs a’ tighinn air seann duine caol, ard, le falt liath air a cheann, a’ suidhe dlù do theallaich far nach robh teine, a dhà laimh air’ aghaidh, agus a’ sileadh nan deur gu luath. Chleachd e a bhi gun eisimeil do dhuine, agus a nis cha robh aige air a bhi ag iarraidh deirce; bu docha leis bàsachadh. Mo chreach! bha e uair ’n a fhearaidich air an diadhachd, ach chlaon e, gus mu dheireadh “an d’ fhuair an fhìrinn a mach e,” fad o thigh ’athar, gun earbsa, gun aran, làn de ’n eudòchas. Cha bu diomhan da bhi a’ faotainn teine, us biadh, o thiodhlac an doctoir, agus a bhi a’ faighinn cuireadh, ann am briathraibh caomh, a bhi’ pilleadh a dh’ ionnsuidh tobair a’ ghràidh. ’S an ath thigh bha neach eile ri ’fhaicinn—duine òg, foghainteach, le a bhean ’us a chloinn ag itheadh tràtha gu goireasach. Ghabh iad rium gu caoimhneil, agus shuidh mi sios air caithir gu socrach. Bha aghaidh an duine dearg le gaoith na mara, ach bha e làn thoilichte an uair a labhair mi ris mu chor ’anama; bha e fhéin ’us ise airson iad fhein a cheangal ris an eaglais, agus is ann air sin a labhair sinn. “Bu mhaith leam,” arsa mise, “cluinntinn mu mar a chaith thu do bheatha; c’ uine a smuainich thu an toiseach air d’ anam, agus a rùnaich thu an diadhachd a leantuinn. Is e mo bharail gu ’n robh toiseachadh air, agus gu ’n robh thu roimhe sin cho mi-churamach ri do choimhearsnaich. Bu tharbhach dhomhsa bhi ’cluinntinn carson a chuir thu cùl ris an t-saoghal, agus a lean thu an Tighearn.” Is e thubhairt e, “Bha mise gun chùram idir gus an d’ thainig mi dhachaidh air an turus mu dheireadh ach a h-aon, ach bha ni a thachair aig an tigh a ghnàth ’n a mo smuaintibh; thainig e tarsuinn orm ’s na h-uile ceum, agus cha dealaicheadh e rium. Tha cuimhne agaibh air seann Langford, cho salach, misgeach ’s a bha e, gun mhodh, gun bheus; sanntach, féineil, michreidmheach thar tomhas. Bha fuath agam do bhi ’g a fhaicinn, an deoch aige no uaithe.” “Is e an fhìrinn ghlan a th’ agad an sin co dhuibh,” arsa mise, “mu ’n duine thruagh.” “Is maith leam gu ’n tuigeadh sibhse mar a chunnaic mise e, chum agus gu ’n togadh sibh mar a bhuin e rium. Chunnaic mi sibhse agus esan cuideachd maidinn là Sabaid àraidh, an uair a bha biadh maidinn agaibh ’g a thoirt do chruinneachadh sluaigh, agus aoradh an deigh sin. Cha robh mise ag iarraidh bidh, ach bha mi airson an teagasg éisdeachd; agus chaidh mi ann. An sin chunnaic mi sibh a’ tachairt ris an t-seann duine, agus a’ labhairt gu caoimhneil ris, agus a toirt ticead da. Chuala mi e ’g ’ur càineadh airson sin; agus shaoil leam gu ’n robh sibh amaideach a bhi ’caitheamh ur n-ùine le ’leithid sud a dhuine thruagh. Chuala mi sibh ’toirt oidhirp agus oidhirp eile gus an d’ thug sibh air an ticead a ghabhail, agus gealltainn a thighinn; agus shaoil leam gu ’n do chaith sibh am biadh ’s an ùine air duine nach b’ fhiach. Rùnaich mi suil bhi agam air an t-seann duine; agus chaidh mi stigh do ’n t-seòmair mhòr ’s an robh am [TD 19] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1876. TD 3] biadh-maidinn, agus shuidh mi sios air a chulaoibh. Chunnaic e a’ faotainn pailteas bidh agus cofidh; chunnaic mi gu ’n robh feum aig air, leis mar a dh’ ith e ’us mar a dh’ òl e. Bha truas agam ris, ged a bha fuath agam d’a dhoigh shalaich, mhisgeich. An sin thoisich an t-seirbhis; agus shaoil leam gu ’n teicheadh e a’ fanoid oirbhse airson bhi cho bog; ach shuidh e ’us dh’ éisd e ris an t-seinn, an leughadh, agus an ùrnuidh a lean. An sin thoisich an duine ud leis an aghaidh thaitnich air labhairt, agus leig mise seann Langford as mo bheachd car ùine. Is ann bha e coltach ri ceol milis a ’tighinn air ais do dhuine a chluinntinn a’ labhairt mu shith ’us comhfhurtachd, mu dheagh dhòchas agus deagh mhisneach, agus Athair gràdhach, agus Slànuidhear a thug e fhéin air ar son. Ach ’n uair a bha e deas bu shealladh a bhi ’faicinn Langford; bha e air a ghluasad gu mòr, agus na deòir’ a’ nigheadh ’aodainn mar a ruith iad sios ’n an da sruth gu barr a shròine. Is gann gu ’m b’ urrainn mi a chreidsinn gur e bh’ ann; ach bha e an sin. Agus shuidh e fad na h’ ùine—fo ghluasad mòr, agus na deoir a glanadh ’aodainn mar a shiap e air falbh iad le cùl a làimhe. Chunnaic mi e air feasgair na Sàbaid a’ gabhail a stigh am folach do ’n eaglais agaibh, agus thubhairt mi ris, ‘Hallo! a charaid! is e so an t-àite clì, nach e?’ Sheall e rium ’us thubhairt e, ‘Cha-n e! cha-n e! an t-àite ceart mu dheireadh,’ agus an sin dh’ fholaich e e fhéin anu an oisinn de ’n tigh, airson a’ cheud uair, tha mi ’creidsinn. “Bha sùil agam air an ath là a’ dol timchioll—gun deoch, gun tombaca. gun mhionnan, ach le aodainn ghloin, ag iarraidh oibre. Chaithris mi air gu Diardaoin, an là air an d’ thug sibhse seachad na comharraidhean air son Suipeir an Tighearna; agus chunnaic mi ann seann duine ’tighinn a dh’ iarraidh aoin. Bha mi faisg oirbh, agus chuala mi sibh ’g a dhiùltadh, ag ràdh nach e airgiod a bh’ ann. Thubhairt e gu ’n robh fhios aige gur ann airson na Suipeir a bha iad, agus gu ’n robh e iarrtuinneach air tighinn. An sin chunnaic mi sibh ’g a chur a dh’ ionnsuidh an t-seanair, agus an sin a’ bruidheann ris sibh féin. Is e an ath ni, gu ’m faca mi e air bord an Tighearna, ’us chuir e ioghnadh orm. Bha esan ann, ’us cha robh mise ann! agus chaidh e tromham mar sgian. Ach chaithris mi fhathasd; shaoil leam gu ’m bu sheann chealgair e, agus rùnaich mi gu ’n rusgainn e. Fad na seachduinn ud chaithris mi; ach is cuimhne leibh cho beusach ’s a bha e, cho fior ’us cho iorasail; agus bha dearbhachd ann gu’ m bu duine nuadh e. Air De-sathuirn fhuair e obair, agus thuit e sios ’n uair bha e ris. Bha e gun bhreithneachadh gus an ath Dhiardaon, agus chaochail e m’ fheasgair ’n uair bha sibhse ’s a choinnimh. “An uair a chuala mi gu ’n robh e marbh chuir e ioghnadh mòr orm; bha e coslach ri neach dhinn a rachadh as air éigin o chunnart cuain, ach gur e so bu mhò. Gu ’n deanadh beagan laithean eadar-dhealachadh cho mòr! Agus an sin, chuimhnich mi mar a shaoil leam gu ’n robh sibhse amaideach le bhi ’feuchainn r’ a ghlacadh; agus mar a fhuair sibh e airson Chriosd, agus gu ’n do bhàsaich a sàbhailt troimh ’ur n-oidhirp; is cuimhne leam cuideachd sibh bhi ag ràdh ’iadsan a thionndaidheas mòran chum fireantachd, gu ’n dealraich iad mar na reultan;’ agus shaoil leam gu’m b’ aon diubh esan co dhuibh air ’ur son; agus bha mi truagh a chionn ’us nach b’ aon eile dhiubh mise. “An sin chaidh mi rìs air muir, agus dh’ fheuch mi ri saorsainn ’us socair ’fhaotainn ann an obair agus atharrachadh beatha. Ach cha b’ urrainn mi; dh’ fhairich mi mi fhéin neo-shàbhailt, gu ’n robh cunnairt dlù orm nach b’ urrainn mi chur uam. Lean so rium fad an rathaid air an t-slighe mach. “Bha sinn air an t-slighe dhachaidh a rìs, agus bha faire a’ mheadhon-oidhche agam ri chumail; bha an cuan ’n a bheanntaibh, agus bha mi leam [TD 20] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1876. TD 4] féin ’s an dorchadas a’ sealltuinn a mach. Gu h-obann thàinig tonn mòr thugam, agus sguab e mi leis mach annsa’ chuan mhòr. Bha fhios agam nach bitheadh ionndrain orm an toiseach, agus nach bitheadh fhios aca c’àite an sealladh iad air mo shon ged a bhitheadh. Cha b’ urrainn iad mo ghlaodh a chluinntinn le fuaim an uisge; agus dh’ fhairich mi nach robh dòchas ann domh. Oh, na dh’ fhairich mi a phian an sin! chunnaic mi mo bhean ’n a banntraich! mo chlann gun athair! àite falamh far an robh mi! Oh, mar a dh’ éirich nithean ’n am inntinn nach d’ aithnich mi bhi ann! Thainig mo bheatha uile gu bhi air a sgaoileadh romham! Smuainich mi air Langford, oirbhse, air na searmoinean a chuala mi, air na cothroman a chaill mi, agus air a’ bhàs a bha dlù orm; agus so uile an uair a bha mi a’ tachdadh ’s an uisge! “Gun dòchas! gun dòchas! uaigh ’s a’ chuan fharsuing, fhiadhaich, dhorcha; agus an sin o ’n uisge dhubh gu teine dearg ifrinn; agus bha e faisg orm, dlù dhomh—beagan mionaidean—agus an sin dorchadas iomallach, siorruidh! Bha mi a’ falbh gu luath; bha mò neart ’g am threigsinn; beagan tuilleadh cogaidh ris an uisge, agus bha na h-uile ni thairis. An sin dh’ éirich mo chridhe suas ag iarraidh maitheanais o Dhia; bha mo chomasan uile ’s an éigh mhòir ud. Leig mi dhiom dòchas a bhi air mo thearnadh, ach bha mi a’ strì chum ùine a bhi agam gu ùrnuidh a dheanamh; agus dh’ éirich ùrnuidh an deigh ùrnuidh suas á mo chridhe, luath mar an dealanach, mar a bha mo neart ’g am threigsinn ’n a mo strì ris na tuinn a bha ’g am bhàthadh. “Bha mo chiall ’g am thréigsinn. bha mi ’call dòchas á tighinn as, ’n uair a dh’ fhairich mi ni dlù do ’m laimh, agus rinn mi greim daingean air. Is e aon de bhuill na luinge a bh’ ann! Thàinig ise air adhart ’n uair bha mise ann am broinn an tuinn, agus ràinig mi an clàr-uachdair a rìs, gun chron ’s am bith ach an t-eagal mòr a bh’ orm ’n uair bha mi an cunnart. Cha d’ ionndraineadh mi. Ach an uair a theirig uair mo chaithris, agus a chaidh mi sios, b’ e a’ cheud ni a rinn mi tuiteam air mo ghlùinibh, am fianuis nan daoine, agus buidbeachas a thoirt do Dhia, gun do thearuinn e mi o ’n bhàs. Cha d’ rinn iad fanoid; sheas iad ’n an tosd, ag aideachadh gu soilleire gu ’n do mheas iad mi bhi làn cheart. “Agus o ’n uair sinn rinn mi ùrnuidh riamh; air maidinn ’us feasgair ’us meadhon-latha, bha mo ghlaodh ris-san a bha leam ’s an uisge air an oidhche fhiadhaich ud, a shaor mi le laimh truais ’us gràidh o uisge ’us o theine, thug mi air ais do bhean ’us cloinn, agus a thug sàbhailt dhachaidh mi!” “Is fior’ an ràdh so, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gu ’n d’ thainig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a thearnadh pheacach; d’ am mise an ceud-fhear. Gidheadh, air a shon so fhuair mi tròcair, chum gu ’m foillsicheadh Criosd annam-sa air tùs, an uile fhad-fhulangas, mar shaimpleir dhoibh-san a chreideadh ann, an deigh so, chum na beatha maireannaich.” (1 Tim. i. 15, 16.) —Rev. C. S. Whitmore. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 21] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1876. CEISD FHIR-COIMHEAD A’ PHRIOSAIN AIR A FREAGAIRT. “A mhaighistirean, ciod a dh’ fheumas mi a dheanamh chum ’s gu ’n tearnar mi?”—GNIOMH. xvi. 30. Earail le Mr. D. L. MOODY, an Lunnun, an 19mh là de ’n Mhairt 1875. [Dealbh] See page 3. Is i a’ cheisd so a chuir fear-coimhead phriosain Philippi, a’ cheisd a chuireas na h-uile neach ’n uair a tha e air a dhùsgadh. Tha daoine a’ meas gu ’m feum iad ni a dheanamh. Tha iad a ghnàth ag iarraidh ni a dheanamh chum iad fhéin a shaoradh. Nis, is e a th’ ann an slàinte an anama tiodhlac saor: ciamar a dh’ oibricheadh duine air a shon? Ann an aon àite tha Pol ag ràdh gur ann “do ’n ti nach dean obair, ach a tha, creidsinn.” (Rom. iv. 5.) Is i mo bharail gu bheil ’leithid so a bheachd mu oibreachadh a’ cumail àireamh na ’s mò a mach á rioghachd Dhé na ni air bith eile: tha iad a sior ’toirt oidhirp air oibreachadh chum an tearnaidh. July 1876. “The Jailor’s Question Answered.” [TD 22] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1876. TD 2] Cha-n fhad o chuala mi duine ag ràdh gu ’n robh e da fhichead bliadhna ’s a dhà a’ foghlum tri nithean. ’S a cheud àite nach urrainn e ni air bith a dheanamh chum e fhéin a thearnadh; an ath ni, nach robh Dia ag agradh ni dheth chum sin; agus an treas ni, gu ’n d’ rinn e fhèin uile e. Mata, tha sin cudthromach a bhi air fhoghlum leis na h-uile neach,—nach urrainn an duine a dheanamh, nach ’eil Dia ’g a iarraidh air, agus gu ’n d’ rinn Criosd e fhéin uile e. Tha slàinte iomlan; agus cha-n ’eil o an duine ach gabhail ri oibre chriochnaichte an Tighearn’ Iosa Criosd. Air achd agus nach ’eil ni o ’n duine chum tearnadh ach earbsadh no creidimh. Is e gniomh na h-inntinn a th’ann ’us cha-n e gniomh a’ chuirp. Nam pàighinn-sa aon fheoirling air slàinte, cha bu thiodhlac, cha bu thiodhlac a bhitheadh ann. Tha am Biobull ag ràdh, “Is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs, ach is e tiodhlac Dhé a’ bheatha mhaireannach.” Is e tiodhlac a th’ ann; agus ma ghabhas duine mar thiodhlac e, agus obair fhein a leigeadh dheth, faodar a thearnadh. Bha mi là a’ teagasg na fìrinn so, agus thainig bean a nios o ’n lobhta, agus thubhairt i, “Thug sibh uam mo chomhfhurtachd ’us mo shìth an diugh: rinn an teagasg agaibh truagh mi.” “Carson?” arsa mise.“Tha gu ’n d’ thubhairt sibh gu ’m bu choir dhomh sguirsinn o fheuchainn ri bhi ’n am Chriosduidh; agus tha mise a’feuchainn o cheann fhada, ’us ciod e ni mi ma sguireas mi?” “Mata, thoir leam, gu ’m bi thu air do thearnadh an sin; is e sin a tha mise a’ smuaineachadh a ni thu.” “O, fhir chridhe, thug sibh uam mo shìth ’us mo chomhfhurtachd uile.” “Mata is maith leam sin; is e sin an dearbh ni a tha ’g ad chumail mach á rioghachd Dhé. Seallamh leabhar. Nis, ma their mise, gabh e; an gabh thu e no an abair thu gu ’m feuch thu ri a ghabhail?” Agus ’n uair tha daoine ag ràdh gu ’m feuch iad ro bhi’n an Criosduidhean, is e a ’s ciall d’a sin nach ’eil iad gu bhi’n an Criosdaidhean. Cha b’ aithne dhomh duine riamh a thainig gu bhi ’n a Chriosduidh gus an do sguir e dhe bhi ’feuchainn ris. Tha e soilleir. Nam bithead tiodhlac air a thairgseadh dhuit cha-n fheuchadh tu ri gabhail ris. Ghabhadh tu e no dhiùltadh tu e. Nis, tha Criosd air thairgseadh do ’n t-saoghal; an gabh thu e, no an diùlt thu e? Agus cuimhnich, tha na h-uile duine fo eigin a h-aon de dha ni a dheanamh. Is eigin da Mac Dhé a ghabhail no a dhiùltadh. Is eigin do gach neach a bhi aon cuid air a theàrnadh no air a sgrios. Nis foighnichibh dhibh féin, Am bheil mise air mo thearnadh, no an cunnart sgrios? Cha-n urrainn thu bhi sàbhailt, ’us caillte comhluath, an urrainn? Cha-n urrainn thu bhi leis an Tighearn ’us ’n a aghaidh. Nis, tha an Sgriobtuir aig àithneadh dhuinn greim a dheanamh air a’ bheatha mhaireannaich. Tha Dia a’tairgseadh na beatha maireannaich, agus is e ar dleasdanas-ne greim a dheanamh oirre. Thubhairt neach àraidh gu bheil an creidimh a’ faicinn ni ann an laimh Dhé agus ag ràdh, “Bithidh e agam;” ach is e their michreidimh, “Cha-n urrainn mi ’fhaighinn; cha leig Dia leam e; tha greim cho teann aige dheth.” Thubhairt neach eile gu bheil tri nithean mu ’n chreidimh,—eòlas, aonta, agus gabhail greim,—agus is e an ni mu dheireadh a thearnas. Is e an ni earbsadh as,—greim a dheanamh. Oh, a pheacaich, dean greim air Criosd. Leig cead do ’n fhéin—leig ceud do do dheagh ruintean—leig ceud do d’ fhéin-fhìreantachd, agus dean greim an nochd air an Tighearn Iosa agus tearnaidh esan thu. O cheann ghoirid leugh mi mu sheann mhuileir a b’àbhaist dol sios do ’n amhainn mu mheadhon oidhche, gu muilear eile a leigeadh dhachaidh air an robh cùram a’ mhuilinn toiseach na h-oidhche. B’ àbhaist da dol air tìr beagan os cionn an daim, agus am bàta beag aig cheangal an sin chum coiseachd [TD 23] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1876. TD 3] sios do’n mhuilionn. B’àbhaist do ’n mhuilear eile thighinn, agus am bàta iomradh dhachaidh. Aon oidhche thuit an seann mhuilear ’n a chodal, agus n’ uair a dhùisg e bha e air a tharruing a dh’ ionnsuidh an eilich gu luath. Bha fios aige gu ’n robh e an cunnart a bheatha a chall. Ghabh e na raimh ach bha an sruth ro làidir. Mu dheireadh thainig e faisg air tìr, agus rug e air gad caol; tharruing e, ach thoisich an gad air tighinn leis. Dh’ fheuch e ri fear eile fhaighinn, ach cha robh a leithid ann; cha b’ urrainn e ach dìreach leantuinn r’ a ghreim. Nan tarruingeadh e na bu chruaidhe thigeadh an gad leis, agus bheireadh an sruth a dh’ ionnsuidh a’ bhàis e. Ciod e a rinn e? Rinn, gun do ghlaodh e, Cabhar! Cabhar! agus sin fad iomadh uair. Is e sin a thubhairt an Salmadair ’s an da fhicheadamh Salm: “Dh’ éisd e ri mo ghlaodh.” Chuala daoine a ghlaodh. Thainig caraid le ball a dh’ ionnsuidh na creige, agus leig e sios e (oir is eigin cabhar a thighinn o shuas) ag ràdh “Dean greim air a bhall!” O a pheacaich, is e sin do chor. Fhuair thu greim air a’ ghad; leig cead da, agus dean greim air a’ bhall. Dean greim air an Tighearn Iosa Criosd, agus bheir e as an t-slochd uamhuinn thu. ’N uair a thuit Adhamh leum e stigh ’s an t-slochd, agus thug e a shliochd uile leis, agus dh’ fhàg e ’iarmad an sin uile. Thainig an dara Adhamh as a dheigh, agus tha e ag ràdh, “Bheir mi as an t-slochd uamhuinn sibh; socraichidh mi ’ur ceum; cuiridh mi òran nuadh ’n ’ur beul; cuiridh mi ’ur cos air Carraig nan Al.” O a pheacaich, dean greim an nochd air an Tighearn Iosa Criosd. Is e tiodhlac Dhé e; agus an uair a tha e agad. is e sin an siol neothruaillidh nach bàsaich. “Is e Criosd annaibh dòchas na gloire.” Dh’ fharraid neach de Chriosduidh Innseanach, ciamar bha e air a theàrnadh. Ghabh an t-Innseanach beagan duilleagan tioram, rinn e sreath cruinn leo, chuir e cnuimheag ’s a mheadhon, agus chuir e teine riu. Chaidh a’ chnuimheag air ais ’us air adhart. Mu dheireadh luidh i cruinn ’s a’ mheadhon chum bàsachadh, mar nach robh dòchas ann dith. An sin thug an t-Innseanach as i, le a laimh. Is ann mar sin a thearnadh esan le Criosd. Leig e dheth a dhòchas uile, agus thainig an Tighearn Iosa, agus thug e á meadhon nan lasraichean e. Thoir leam gur e Albannach a thubhairt gu ’n do ghabh e dithis gu esan ’iompachadh. “Dithis” arsa neach, “Ciamar sin?” “Tha” ars’ esan “an t-uile-chumhachdach agus mi fhéin.” “Ciod e a rinn thusa?” “Chog mi an aghaidh Dhé le m’ uile neart, agus rinn esan a’ chuid eile.” Agus is ann mar sin a thearnar gach neach. Cogaidh daoine an aghaidh Dhé; cogaidh iad an aghaidh a shluaigh, their iad nithean searbha ’n an aghaidh, agus an uair a sguireas iad dhe bhi ’feuchainn ri iad fhèin a thearnadh, bheir iad thairis an dòchas, agus an sin thig am Buachaill mòr agus ni e greim orra le a làimh chumhachdaich ag ràdh, “Na bitheadh eagal ort, cuidichidh mise leat.” Ma tha làmh dheas aig an Tighearn, nach urrainn e thusa a choimhead leis? A pheacaich, sìn a mach do làmh, agus abair, “A Thighearn’ Iosa, dean greim air mo làimh, agus treòraich mi troimh an t-saoghal dhorcha so.” Tha Dia ullamh, tha Dia toileach. Faodaidh slighe na slàinte bhi air innsead le da fhocal, a’ tabhairt ’us a’ gabhail. Tha Dia ag radh, “Tha e na ’s beannaichte ni a thoirt na a ghabhail; agus tha fios agaibh gu bheil e a’ ciallachadh na their e. Bithidh na briathran ud agam fhéin agus aig daoinibh eile, ach is eagal leam gu tric nach ’eil mi a ciallachadh na their mi. A bhi’faicinn daoine a’ deanamh greim teann air an cuid airgiod, cha shaoileadh neach gu ’n robh e na ’s beannaichte tabhairt na gabhail. Ach ’n uair a their an Tighearn ni, tha e ’ciallachadh an ni. B’ fhearr leis tabhairt na gabhail. Is eigin duitse mata ’aite fhein a thabhairt do Dhia [TD 24] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1876. TD 4] mar fhear-tabhairt, ach àite fhir-gabhail a bhi agad fhéin. Tha Dia ag radh, “Is e so mo Mhac, tha mi ’g a thoirt duit.” Mata, a pheacaich, abair thusa, “Bithidh e agam,ni mi greim air, gabhaidh mi e, gabhaidh mi gu ’m uchd e. gabhaidh mi an nochd e.” A dhuine oige, na leig am focal as do shealladh an nochd. Rùnaich an nochd, trid gràis Dhe, gu ’m bi thusa ’n ad Chriosdaidh an nochd. Cha bhi Dia gu bràth na ’s toiliche air do theàrnadh na an nochd. Tha e a’ tairgseadh slàinte dhuit an nochd; tha e aig dorus do chridhe leis. “Dh’ fhoillsicheadh gràs slàinteil Dhé do na h-uile dhaoinibh.” Co a ghabhas e an nochd? Eirich suas mar dhuine agus abair “Trid gràis Dhé, gabhaidh mise ris.” Gabh a nis e. Na fuirich gus am bi mise ullamh de ’n teagasg. Faodaidh am bàs a thighinn ort mu ’n teirig an oidhche so. Tha neach “cumhachdach chum tearnaidh” an so an nochd, a’ feitheamh air a bhi ’tearnadh. ’N uair bha mise ann an Newcastle, chaidh mi dhachaidh oidhche an deigh bhi ’teagasg. Bha mi blàth, paiteach. Thubhairt bean an tighe rium, “Mhr. Moody, am bheil ni uaithe nach ’eil air a bhord?” “Mata, ghabhainn deoch de ’n uisge.” Thug i leatha uisge, agus chuir i sios aig mo thaobh e. Thog mi e g’ a òl ’n uair thug mi an aire gu ’n robh cuileag ann; chuir mi an sin sios e. Ars’ a bhean uasal, “Shaoil leam gu robh pathadh oirbh: am bheil dad ’tighinn ris an uisge?” Ars’ mise, “Cha-n ’eil, ach cuileag a th’ ann.” “Oh,” ars’ ise, “nam bitheadh Edith (nighean òg leatha) an so, bheireadh i a’ chuileag as.” “Mata,” arsa mise “cha bhi Edith na ’s trocairiche na mise.” Bha a’ chuileag air leigeadh dhi gluasad. Thug i iomadh oidhirp air tighinn as ach a nis sguir i. Ghabh mi an sin forc agus chuir mi sios e, agus tharruing mi a’ chuileag as an uisge. Ghabh mi ’n am laimh i. Cha do dhuisg i suas air ball; ach an ceann beagan ùine thainig i thuige, agus dh’ fhalbh i air a sgiathaibh. Nam b’ urrainn a’ chuileag ud bruidheann, tha mi cinnteach gu ’n abradh i, “Gu ’n robh maith mòr agaibh, thearuinn sibh mi.” O! a pheacaich, tha Criosd ’tighinn a nios far am bheil thu. Tha thu ann an slochd ’us cha ’n urrainn thu ’tighinn as. Cha ruig thu leas feuchainn; is èigin do chabhar thighinn o shuas. Dean greim airsan agus saoraidh e thu an nochd. Ma dh’ fhàgas tu an tigh so an nochd gun Criosd is e do choire féin a bhitheas ann; is ann airson nach gabh thu ri tiodhlac Dhé Faodar do theàrnadh gun ni air bith—ach dìreach amharc ri Uan Dhé a bheir air falbh peacadh an t-saoghail. Nis, cuiribh a’ cheisd so ruibh fein, “Am bithinn teàruinte nam bàsaichinn an nochd? Am bitheadh m’anam ann an glòire, no am bitheadh e caillte?” Na éisd ris a’ bhuaireadar; na éisd ri do dhroch cridhe; na éisd ri fanoid do chompanach; ach an nochd dean greim cinnteach air slàinte. Gabh, gabh, ris a’ bheatha mhaireannaich, fhad ’s a tha Dia ’g a tairgseadh dhuit. “Ciod a ni mi chum ’us gu ’n teàrnar mi?” “Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, ’us bithidh tu air do thearnadh.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 25] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1876. ISAAC WATTS. [Dealbh] See page 3. CHAIDH “Deanaibh ’ur dìchioll a bhi ciùin, agus ’ur gnothuichean fhéin a dheanamh” (1 Tes. iv. 11), a chur sios mar theagasg uile shaothar Isaac Watts, ùghdair nan Laoidhean Naomha. Rinneadh e ’na bheannachd ’n a lá, agus dh’ fhàg e beannachd ’n a dheigh, a’ deanamh feum de ’n tàlann a fhuair e, gun a bhi ag iarraidh ionaid-saothrachaidh eile, no a’ gabhail gnothuich ri daoinibh eile. Is maith leinne cluinntinn mu ’r sinnsearachd, agus labhairt mu ’n timchioll. Bha Isaac Watts mar sin. Bha a sheanair ’s a Chabhlaich Rioghail agus bha e ’n a cheannard air long-chogaidh fo Admiral Blake. Is iomadh ni troimh an deachaidh e. Ann an Innsibh na h-airde an Ear, air dha bhi lá a’ coiseachd faisg air coille, bhagair tìgear leum air; leum e ’s an amhainn, ach lean an tìgear e agus rug e air. Cha do leig e dheth a ghreim, ach chuir esan ceann a’ bhea- August 1876. “Isaac Watts.” [TD 26] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1876. TD 2] thaich fo ’n uisge, agus chum e an sin e gus an do bhàthadh e. Fo Admiral Blake, sheòl e an aghaidh nan Duitseach; ach ann an teas a’ chatha rainig peilear air ionad-tasgaidh an fhùdair, loisg e air ball, agus bha an soitheach agus na bh’ ann air am milleadh ann am priobadh na sùla. B’ àbhaist d’ a sheanamhathair nithean mar sin innseadh do n’ òganach mu na laithibh a dh’ fhalbh, agus maille ri sin an tlachd a bh’ aig a sheanair aig an tigh, ann an ceòl, tarruing dhealbh, agus bàrdachd, agus mar a dh’ fheuch e fhéin riu uile. Bha ’athair aon uair ’n a cheannaich aodaich ann an Southampton, agus an deigh sin bha sgoil aige. Bha e de Eaglais nach robh ceaugailte ris an Stàid, agus rinn e aoradh innte. Chuireadh ’s a phriosan e airson sin, a chionn gu’n robh an lagh ro chruaidh air muinntir nach robh de ’n Eaglais Steidhichte. Bha so ’s a bhliadhna 1674; agus is minig a shuidh a bhean òg (aon de shliochd Protestanaich Fhrangaich), le a mac beag Isaac air a broilleach, aig dorus a’ phriosain, a’ fuireach ri faighinn a stigh. Chithear am priosan ud aig Southampton an diugh. Bha e dlù do ’n tràigh, agus aig an àm ud thainig a’ mhuir ach beag a dh’ ionnsuidh nam ballachan. Tha eachdraidh ’s an àite ag innseadh gur ann an sud a shuidhich an Rìgh Canute a’ chaithir, an uair a rinn e mar a dh’ iarr iad, chum cronachadh a thoirt do ’m miodal. Is ann an sin a theagaisg Canute dhoibh gur diomhain do ’n rìgh a ’s mò a bhi a’ glacadh cumhachd Dhé d’ a ionnsuidh; agus b’ ann le fulangas nan daoine a lion am priosan ud, a dh’ fhoghluim an tìr so cumhachd creidimh ann am firinn Dhé an t-Slànuidhir. “An fhad so a thig thu, agus cha tig na ’s fhaide.” An uair a thainig sìth an lorg Atharrachadh an Riaghlaidh, bha Isaac Watts an Lunnun maille ri a phàrantaibh. Is ann mar so bha laithean ’oige. Bha e ealamh air cànainean eile ionnsachadh:— “Rugadh mi’air an 17mh la de Iulaidh, 1674. Thoisich mi air Laidinn ’ionnsachadh o ’m athair, 1678. Thoisich mi air a’ Ghreugais, mu 1683. Bha a’ bhreac orm, 1683. Dh’ fhoghluim mi Frangais, 1685. Dh’ fhoghluim mi Eabhra, 1687 no ’8.” Ach is e an ni a leanas a ’s mò anns a’ chunntas so uile: comharraicheadh an leughadair e: “Thàinig mi fo dhearbhadh air peacadh, 1688. Theagaisgeadh dhomh earbsadh chur a Criosd, a reir mo dhòchais, 1689.” Is ann an sud a shuidhicheadh mar a chaitheadh e a lá. An urrainn thusa, a leughadair, bliadhna d’ aithbhreith innseadh? Faodaidh tu, creideam, bliadhna do bhreith innseadh; ach an urrainn thu innseadh mu bhi “air do bhreith a rìs?” “Mar beirear duine rìs cha-n fhaod e rioghachd Dhé ’fhaicinn. (Eoin iii. 3.) Nach bitheadh cuimhne aig Nicodemus air an oidhche ud ’s an deachaidh e a dh’ ionnsuidh Chriosd—an uair a dh’ fhoghluim e gu slàinteil mu obair an Spioraid Naoimh air an anam, agus mar a threòraicheas e an t-anam a dh’ ionnsuidh Mic Dhé air a thogail suas mar a bha an nathair umha, chum agus “cia b’ e neach a chreideadh ann nach bàsaicheadh e, ach gu ’m bitheadh a’ bheatha mhaireannach aige?” (Eoin iii. 15.) Air a’ bhliadhna anns an d’ fhoghluim Isaac Watts “’earbsa chur á Criosd” tha e ag ràdh gu ’n robh “tinneas mòr agus cunnartach air;” agus air a’ bhliadhna 1692, ’s an fhoghair, mu mheadhon latha, bha crith-thalmhainn mòr ann air feadh Shasuinn agus dhùthchan eile. Ach bha esan ’s an Airc,—sàbhailt ri uchd tinneis, sàbhailt ri uchd gluasaid rioghachd, comasach air an t-Salm a sheinn “Is e Dia ar tearmunn agus ar neart; ar cabhar ro dheas ann an teanntachdaibh. Air an aobhar sin [TD 27] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1876. TD 3] cha bhi eagal oirnn, ged a ghluaisear an talamh.” Chaidh e air adhart leis an ionnsachadh gu dichiollach, aig Stoke Newington, ann an Lunnun, agus aig aois ceithir bliadhna fichead rinn e a cheud searmoin. Rainig cuid d’ a chomh-fhoghlamaiche air cliù mòr, ach cha b’ ann anns an aon doigh rìs-san. Cha b’ fhad gus an do nochd esan an talann a bh’ aige. Chunnacas ’n a òige gun robh comas bàrdachd aige. Aig ochd bliadhna dh’ aois choisinn e feoirling mar dhuais o ’mhàthair, a thairg i do na foghlamaiche òga an tigh àthar air feasgairibh fliucha, leis na focail so:— “Cha-n ann airson feoirling ’a sgriobhas mi, Ach chum aoireadh orrasan airson feoirling a sgriobh.” Ach bha e iarrtuineach an laithibh ’òige air ni a sgriobhadh a bhitheadh feumail. Tha e air a ràdh mu Luther, air dha fear-deirce dall a chluinntiun a seinn dhuanagan air an t-sràid, gu ’n do ghuil e ag ràdh, “Oh, nam b’ urrainn mi òranan soisgeulach a dheanamh, a sgaoileadh am measg an t-sluaigh?” Agus thug Dia dha a mhiann. Is ann mar siu a bha e le Isaac Watts; agus sgriobhadh leis a cheud laoidh, mar a theirear, n’ uair a bha e aig an tigh cuide r’ a phàrantan an Southampton, ’us e mu chuig bliadhna fichead a dh’ aois. Air an t-seachduin a bh’ ann sgriobh e an laoidh, “Feuch glòir ro mhòr an Uain a shuas, Air caithir ’Athar naoimh! Ulluichibh onoir ùr’ d’ a ainm ’Us òrain nuadh’ gu caomh.” Agus o’n là sin rinn e aon ’us aon eile de na h-òranaibh naomh’ aige, a tha nis làn-aithnichte. Mar a thachair do laoidhean Mhr. Sankey ri ar linn fèin, bha buaidh mhòr aig na laoidhean ud air cuid a choithionailean. Bha Dr. Doddridge a’ searmonachadh ann an sabhal do mhninntir-dùcha air Eabh. vi. 12: ’N ’ur luchd-leanmhuinn orrasan, a tha trid creidimh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean.” An deigh na searmoin leugh e ’us sheinn e an laoidh a tha ’toiseachadh le:— “Sgiath creidimh tabhair dhomh, a chum Eiridh taobh thall de ’n sgàile, ’Us aoibhneas ’us glòir nan naomh tha suas, Gu ’m faic mi iad gun dàil. Aon uair air thalamh rinn iad caoidh, ’Us shil iad deoir gu pailt, Us chog iad ri teagamh, peacadh, ’us geilt, ’G an cur gu mòr an airc. Cuiream mar cheist orra gach aon, Co as a fhuair iad buaidh. Bheir iad an cliu le aon ghuth ard, Do bhàs ’us buaidh an Uain.” Bha moran ’s a choithional air an leaghadh air achd ’us nach b’ urrainn cuid seinn. Tha nithean àraidh air an aithris mu chuid de na laoidhean. Aig aon àm bha anam fo dhearbhadh ag iarraidh saorsainn, agus chuimhnich e laoidh a dh’ ionnsaich e mar leanabh, tri bliadhna deug roimhe sud: “Dh’ ardaich e reachdan ’Athar air fad, A bhriseadh leinn, gu léir; Ghiùlain e ’r peacadh. air a chrann, ’S phàigh e a’ phris e fhéin.” Agus an sin chunnaic an t-anam bochd ud an ni a bha uaithe, sgeul na saorsainn. Tha e air aithris mar an ceudna gu ’n cualas gille beag, a bha ri sguabadh nam siomalair, a’ seinn air maduinn fuar geamhraidh, air mullach an tighe:— “Bròn na h-inntinn bith’ maid nis, A’ sguabadh as an àite, Cha-n ’eil an diadhachd fhior ’g a cur Chum aoibhneas chur ’n a thàmh.” Bha Isaac Watts ’n a theachdair ann an coithional ré fichead bliadhna, ach bha e ’na b’fheumail le a laoidhean na le a theagasg, a chionn e bhi anmhunn, fuar, ’n a dhòigh labhairt. Mar so bheir an Tighearn a thiodhlac fhéin do gach neach. Ni mò bha ni air bith iongantach mu leabaidh a bhàis. Chaidh a thiodlacadh aig Bunhill Fields, ’s a bhliadhna, 1748. Air là a thiodhlacaidh, thachair caraid air Dr. Benjamin Grosvenor, a thubhairt ris, “Chunnaic sibh crioch Dhr. Isaac Watts, agus feumaidh sibh fhéin a leantuinn a dh’aithghearr. Ciod e ’ur barail mu ’n bhàs?” “Mo bharailse,” ars’ Dr. Grosvenor; “’n uair a [TD 28] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1876. TD 4] thig am bàs, bithidh mi buidheach air, ma bhitheas Dia buidheach orm.” Tha an sgriobhadh a th’ air a chloich-chuimhne a’ giulan nam briathran so (Col. iii. 4): “’N uair a dh’ fhoillsichear Criosd, neach a ’s e ar beath-ne, an sin bithidh mise, mar an ceudna, air m’ fhoillseachadh maille ris ann an glòir.” A leughadair, am b’ urrainn thusa so ’fhàgail mar fhoillseachadh air do chreidimh agus do dhòchas? Am b’ urrainn càirdean, ann am bhi ’g ad chur ’s an uaigh, na focail so le Dr. Watts a sheinn mar a sheinneadh iad gu trice:— “Fosgail do chom, uaigh dhìllis nis, Gabh fo ’d chùram ionmhas ùr, Thoir àite car ùine docholuinn chaoimh, Chum codal agad anns an ùir. Choidil Iosa! Chaidh ’m Mac ’n a bhàs Troimh ’n uaigh, ’s bheannaich an leabaidh fhuar, Gabh fois an so, a naoimh, gus ’n tig A mhaduinn ghlòrmhor gu ’d thogail suas.” Is e Dr. Watts a sgriobh an laoidh, a ’tha toiseachadh le, “Cha leòr fuil ainmhidh ’dhoirteadh riamh Air altair Iudhach, àrd, Gu sith a thoirt do choguis leont’, No peacadh thoirt air falbh. Ach bheir fuil Chriosd, Uan Dhé o neamh Ar ciont’ air falbh gu léir, Iobairt na ’s uailse ’s is airde cliù, ’Us fuil o chridhe Mhic Dhé. Is esan cuideachd a sheinn mar òran fàsaich: “Mo Dhia, o ’n d’ thig gach aoibhneas ’th ’ann, Beatha gach tlachd aig m’ chridhe, Glòir nan laithean ’s àluinn, caomh, ’Us sòlas na h-oidhche ’gheibh mi. Ge dubh an oidhche, an uair thig es’, Thig solus dhomh air ball; ’S e reult na maidne dhomh air fad, ’S mo ghrian ag éiridh thall.” Agus b’ esan a ghabh beachd roimh laimh air crioch an turuis, le briathraibh an dòchais airde: “S e bheannaich uaighean a chuid naoimh, ’S e dh’ fhàg an leabaidh taise: C’ àite am bheil fois dhoibh aig là ’m bàis, Ach am bàs a’ chinn ’n a mhaise? O sin a chaidh e suas gu h-àrd ’Us nochd e dhuinn an t-slighe: Suas do neamh theid cuirp a shluaigh ’N uair thig là na h-aiseiridh. Seinneadh an trompaid ard an sin, ’Us iarradh e éiridh air ar daimh, Duisgibh, a chinneacha, o’ n uaigh! Rachaibhse do neamh, a naoimh.” Cha robh e cho taitneach ’n a sgriobhaidhean eile ’s a bha e ’n a bhàrdachd. B’ i a bhàrdachd an ni s’ an d’ thug e buaidh; agus bu mhòr an cliù a choisinn e le Oranaibh Diadhaidh agus Modhail airson cloinne. Fhuair “Laoidh a chreadhail ‘Uist, mo Leinibh’” an “Seillean gniomhach,” agus mòran eile, àite am measg na h-òige riamh o sgriobhadh iad. Bha e dùrachadh ann an cleachdadh a thàlanna, o ’n thubhairt Criosd “Aitich gus an tig mise.” Rinn e réir an fhocail ann an Rom. xiv. 7: “Cha-n ’eil neach air bith againn beò dha fhéin.” Cha-n ’eil an Criosduidh beò dha fhéin: tha e beò do Chriosd; tha e beò chum peacaich a spionadh as an losgadh. O a dhuine neobhàsmhor, ’n a thoisich thu air a bhi beò do Dhia? Cha mhòr nach d’ ràinig sinn an t-siorruidheachd mar tha. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu am. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 29] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1876. AM BHEIL DO CHRIDHE DIREACH? “Cha-n ’eil do chridhe dìreach am fianuis Dhé.”—GNIOMH. viii. 21 [Dealbh] A LEUGHADAIR, tha mi a’ foighneachd dhiot mar charaid d’ anama, “Am bheil do chridhe dìreach? Am bheil e dìreach am fianuis Dhé?” Cha-n ’eil mi a’ foighneachd mu do cheann. Faodaidh tu an fhìrinn uile, mar a tha i ann an Criosd, ’aithneachadh, agus aonta chur ri i bhi maith. Faodaidh tu bhi fallan ’n ad bheachd mu ’n diadhachd. Ach air son sin, faodaidh tu bhi ’coiseachd air an t-slighe leathainn a tha a’ treòrachadh chum sgrios. Cha-n ’eil mi a’ foighneachd mu do chaithe-beatha follaiseach. Faodaidh e bhi stuaim, beusach, ann an sùilibh dhaoine. Faodaidh do mhinisdear ’us do chairdean bhi toilichte le do ghiùlan ort fhéin. Ach faodaidh tu fad na h-ùine bhi an crochadh air bilibh na léirsgrios siorruidh. Cha-n ’eil mi ’foighneachd mu do thograidhean, agus do mhiann. Faodaidh nithean maith ’bhi ’n ad fhaireachadh mu ’d anam. September 1876. “Is thy heart right?” [TD 30] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1876.TD 2] Faodaidh fadachd a bhi ort an deigh “bàs an ionracain fhaighinn.” Faodaidh là a’ bhreitheanais uamhas a chur ort air amaibh, no sgeul air gràdh Chriosd do leaghadh. Ach faodaidh tu bhi air an t-slighe do ifrinn airson sin. Is e cor do chridhe a’ cheisd. An bheil an cridhe sin dìreach am fianuis Dhé? I. Cudthrom mòr a’ chridhe ann an gnothuch na diadhachd. Ann an ceisdibh mar so cha-n ’eil spéis r ’a thabhairt do bharail an t-saoghail mu ni a bhi ceart no clì. Cha-n ’eil ann ach aon chlach-dhearbhaidh air an fhìrinn. Ciod e their na Scriobtuirean? Mur urrainn sinn geilleadh do sin, is diomhain a ràdh gu bheil diadhachd againn. Tha aon ni ann a tha am Biobull a’ teagasg, gur ann air cor a’ chridhe a tha sàbhaladh an anama an crochadh. Is ann “as a tha sruthanna na beatha.” (Gnath. iv. 23.) Is e an cridhe a ’s mò cudthrom na an reusoin, an tuigse, a’ choguis, agus na h-aignidhean. Is e an cridhe an duine. Na innis dhomhsa a mhàin ciod e a their no a dh’ aidicheas duine, no c’ àite an téid e air an t-Sàbaid, no ciod e an t-airgiod ’bheir e air son maith an aobhair. Ach innis dhomh suidheachadh a chridhe, agus innsidh mise dhuitse ciod e an gné dhuine a th’ ann. “Oir mar a smuainicheas e ’n a anam, mar sin bithidh e.” (Gnath. xxiii. 7.) Mar ni eile tha am Biobull a’ teagasg gur ann ris a’ chridhe tha Dia ag amharc gu h-àraidh. “Amhaircidh an duine air coslas an taobh a muigh, ach amhaircidh an Tighearn steach air a’ chridhe.” Is leòr leis an duine, mar is trice, coslas ’us diadhachd o ’n leth muigh—le modh agus giùlain faicsinneach, agus frithealadh rianail air na meadhonaibh. Ach seallaidh Dia na ’s fhaide. Tha e fhéin ag ràdh “Tha mise Iehobhah a’ rannsachadh a’ chridhe, agus a’ sgrùdadh nan àirnean.” (Ier. xvii. 10.) Gus an toir sinn ar chridhe do Dhia, cha-n ’eil sinn a’ toirt ni air bith dha. Ciod e a tha ’cur gluasaid air an uaireadair? Is e am mainspring a tha ’n a mhàthair-aobhair do na h-uile gluasad a th ’aige. Faodaidh an t-slige bhi fìnealta, luachmhor. Faodaidh aghaidh ’us àireamh bhi air an dealbh gu h-ealanta. Ach ma tha ni clì le màthair-aobhair a’ ghluasaid cha shiubhail e. Is ann mar sin tha leis a’ chridhe ’s an diadhachd. Is ann an sin a tha tobair beatha an anama. Cia lionmhor iad a dh’ èisdeas an soisgeul bliadhna an deigh bliadhna, gun atharrachadh ’s am bith bhi orra! Tha an inntinn coslach ri “slochd an eudòchais” aig Buinian. Gheibh iad an sàth de theagasg gun toradh air bith bhi air. Tha iad ag aontachadh le ’n reusoin ris an fhìrinn. Tha an coguis air a bioradh air uairibh. Tha dùsgadh air am faireachadh. Carson mata nach gluais iad? Carson a tha iad ’n an tàmh? Is ann aig an cridheachan a tha a’ choire. Tha greim aig iodhal àraidh orra. Tha cridhe nuadh uatha. “Tha iad a’ teachd a ’d ionnsuidh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phobull-sa, agus tha iad ag éisdeachd do bhriathran, ach cha-n ’eil iad ’g an deanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran graidh le ’m beul, ach tha an cridhe ’dol an déigh an sainnt.” (Esec. xxxiii. 31.) Cha-n urrainn iad a ràdh nach do thairg Dia slàinte dhoibh. Bithidh aca ri ràdh gu ’n robh “na h-uile ni ullamh” ach an cridheachan fhéin. Is e an cridheachan fhéin a bheir sgrios orra! Bha an bàta-sabhalaidh dlù air an luing bhriste, ach cha rachadh iad steach ann. B’ fhearr leo an dorchadas na ’n solus. Bha a’ choireaig an cridheachan. Cha tigeadh iad a dh’ionnsuidh Chriosd chum gu ’m bitheadh beatha aca. II. Feuchaidh mi nis ’s an dara áite, an cridhe nach ’eil dìreach am fianuis Dhé. Cha-n ’eil ann ach dà ghné cridhe, an cridhe a tha dìreach agus an cridhe nach ’eil. Ciod e ris am bheil an cridhe nach ’eil dìreach coslach? Is e an cridhe nach ’eil dìreach an cridhe nadurra a tha air a bhreth leis [TD 31] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1876. TD 3] an duine. Cha-n ’eil “cridheachan maithe” ann a thaobh naduir. Riamh o thuit Adhamh’us Eubha,agus a thainig am peacadh a stigh, rugadh daoine ’us mnathan le claonadh chum uilc. Ciod e tha an Sgriobtuir ag ràdh mu ’n chridhe nadurra? Tha e ag ràdh, “gu ’m bheil e cealgach thar na h-uile ni agus anabarrach eucorach.” (Ier. xvii. 9.) Tha e ag ràdh gu bheil uile bhreithneachadh smuaintean a’ chridhe a mhàin olc gach aon là. (Gen. vi. 5.) Tha e ag ràdh, “O an taobh a stigh, á cridhe dhaoine, thig a mach droch smuaintean, adhaltrannas, striopachas, mortadh, goid, sannt, aingidheachd, mealltaireachd, macnus, droch shuil, toibheum, uabhar, amaideachd: tha na h-uile so uile ’teachd a mach o ’n taobh a stigh.”(Marc. vii. 21.) Is truagh an cunntas tha so! Tha an Spiorad Naomh a’ cleachdadh samhlaidh ann am bhi ’toirt a mach cliù a’ chridhe nadurraich. Tha e ag ràdh gur e “cridhe cloiche” a th’ ann. (Esec. xi. 9.) Tha teagasg mòr fo ’n t-samhladh ud. Tha clach cruaidh. Is aithne do na h-uile sin. Cha-n ’eil i comasach air géilleadh, no lùbadh, no faireachadh. Brisidh tu i ach cha lùb thu i. Tha e ’n a sheann rádh, “cho cruaidh ri cloich.” Is ann mar sin a tha an cridhe nàdurrach. Cha thaisich trioblaidean, no tròcairean, no call, no crois, no searmoinean, no comhairlean, no leabhraichean,no trachdan,no labhairt, no sgriobhadh gu bràth e. Tha clach fuar. Bean rithe, agus gheibh thu sin. Gus an cuir Dia teine o neamh chum teas a chur ’s a chridhe, cha-n ’eil faireachadh aige air an diadhachd bhi mòr. Tha clach gun toradh. Bheir fearann bochd barr maith le saothair, airgiod, foighidinn, agus deadh thuathauas. Ach cha-n fhaigh thu toradh gu bràth o chloich. Is ann mar sin tha an cridhe nàdurrach. Tha e gun toradh aithreachais no creidimh, no graidh, no eagail, no naomhachd, no ioraslachd. Tha clach marbh. Cha-n fhaic, cha chluinn, cha ghluais. ’us cha-n fhàs i. Is ann mar sin tha an cridhe nàdurrach. A leughadair, tha an cridhe nach ’eil dìreach nis air a chur romhad. Amhairc air. Smuainich air. Theagamh gu bheil do chridhe-sa mar a bha e ’n uair a rugadh tu. Ma tha, cuimhnich so; THA DO CHRIDHE GUN BHI DIREACH ANN AM FIANUIS DHE. III. An cridhe dìreach. Air ’leithid so a cheist, is maith sibh éisdeachd ris na their Dia, ’us cha-n ann ris na their daoine. Faicibh, mata, comharraidhean air a’ chridhe dhìreach. Is e th’ anns a’ chridhe dhìreach “cridhe nuadh,” (Esec. xxxvi. 26.) Cha-n e an cridhe leis am bheil duine air a bhreth a th’ ann, ach cridhe a bheir an Spiorad Naomh dha. Is e th’ ann cridhe aig am bheil tograidhean nuadha, aoibhneasan nuadha, bròn nuadh, miann nuadh, dòchas nuadh, eagail nuadha, toil nuadh, agus anntoil nuadh. Tha beachdan nuadha aige air an anam, air peacadh, air Dia, air Criosd, air slainte, air a’ Bhiobull, air ùrnuidh, air an t-Sàbaid, air neamh, air ifrinn, air an talamh, agus air naomhachd. Is e a th’ ann baile le tuathanach nuadh agus maith ann. “Chaidh na seann nithean seachad. Feuch tha na h-uile ni air fàs nuadh.” (2 Cor. v. 17.) A leughadair, an e so do chridhe-sa? Is e an cridhe dìreach “chridhe briste agus bruite.” (Salm li 17.) Tha e air a sgaradh o uabhar, uaill, agus féin-fhireantachd. Tha e ’g a mheas féin ciontach, mi-airidh, agus truaillidh. Tha e iorasail, bochd. agus gun chomas ni maith air bith d’ a chuid féin fhaicinn ann. A leughadair, an e so do chridhe-sa? Is e an cridhe dìreach an cridhe a chreideas ann an Criosd a mhàin airson slàinte, agus anns am bheil Criosd a’ gabhail comhnuidh troimh chreidimh. (Rom. x. 10; Eph. iii. 17.) Tha e ag earbsadh a mhàin airson maitheanais agus beatha siorruidh ri rèite Chriosd, eadar-mheadhonaireachd Chriosd, agus eadar- [TD 32] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1876. TD 4] ghuidhe Chriosd. Chi e Criosd làn fhreagarrach chum ’uile uireasbhuidhean a fhrithealadh dha. Is e an cridhe dìreach an cridhe ’chaidh a ghlanadh. (Gniomh. xv. 9; Mat. v. 8.) Tha gràdh aige do naomhachd, agus fuath do pheacadh. Tha e a’ strì ri e fhéin a ghlanadh o na h-uile truaillidheachd feola ’us spioraid. Tha fuath aige do an ni ’tha olc, agus dlù-leanaidh e ri sin a tha maith. A leughadair, an e so do chridhe-sa? Is e an cridhe dìreach cridhe bhitheas ug ùrnuidh. Is e a chainnt gach là, “Do ghnùis, a Thighearna, iarraidh mi.” (Salm xxvii. 8.) Tha e air a tharruing le tlachd ann am bhi a ghnàth ’labhairt ri Dia mu nithibh spioradail—gu h-anmhunn, gu laga, gu mi-choimhlionta, faodaidh bhi, ach is éigin da labhairt. Is e an cridhe dìreach cridhe a gheibh cath ann fhéin. (Gal. v. 17.) Gheibh e dà bhith ann an aghaidh a chéile, a’ cathachadh airson uachdaranachd,—an fheoil a’ miannachadh an aghaidh an spioraid, agus an spiorad an aghaidh na feola. Aithnichear an cridhe dìreach air a chathan, cho maith ri air a shìth. A leughadair, an e so do chridhe-sa? ’San àite mu dheireadh, ach is ni mòr e, tha an cridhe dìreach, onorach, aon-fhillte, firinneach. (Luc. viii. 15; 1 Eachd. xii. 33; Eabh. x. 22.) Tha e mar a dh’ aidicheas e. Faodaidh a chreidimh a bhi lag. Faodaidh ’umhlachd a bhi neo-iomlan. Ach bithidh aon chomharradh air a’ chridhe dhìreach. Bithidh an diadhachd a th’ ann fior, treibhdhireach, agus dìleas. A leughadair, an e so do chridhe-sa? A leughadair, tha “an cridhe dìreach” nis romhad. Aon uair eile cuiream mo cheisd air do choguis. Am bheil do chridhe dìreach? Am bheil do chridhe dìreach ? Am bheil e dìreach am fianuis Dhé? Cha-n aithne dhomhsa co thu a tha ’leughadh so. Ach tha fhios agam nach dean féin-cheasnachadh cron ’s am bith ort. Ma tha do chridhe dìreach bithidh e ’n a shòlas duit sin ’aithneachadh. Ach mur ’eil, is mithich dhuit fhios bhi agad air sin, agus atharrachadh ’iarraidh. Tha mi a’ tairgseadh rabhaidh chudthromaich dhoibhsan uile aig am bheil fhios nach ’eil an cridhe dìreach, agus nach iarr atharrachadh air. Saoil thu an teid aon duine no bean a stigh do fhlaitheanas as eugmhais cridhe dhìrich ? Ciod e a tha an Sgriobtuir ag ràdh? “Mur beirear duine a rìs cha-n fhaod e rioghachd Dhé fhaicinn.” A leughadair, ma tha thu ag iarraidh cridhe dhìrich, tha mi a’ moladh Dhé gu ’m faod mi Criosd a thogail suas, agus a ràdh riut, Amhairc air Criosd,—iarr Criosd—imich gu Criosd. Carson a thainig Criosd beannaichte do ’n t-saoghal? Carson ach chum peacaich mar a tha thusa ’us mise a thearnadh,—a thearnadh o chionta peacaidh agus o chumhachd peacaidh, trid creidimh ann? Tha Iosa ullamh air tròcair agus gràs,—maitheanas agus cridhe nuadh—sin uile a chàramh riut le a Spiorad, ma thig thu a mhàin d’ a ionnsuidh. Thig matà—thig gun dàil—chum Chriosd. Rev. Canon Ryle. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 33] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1876. “LILIDH AM MEASG DROIGHINN.” [Dealbh] ANN am paipeirean-naigheachd Shruileadh o chionn àireimh bhliadhna, chunnacas am fios so:—“Chaochail aig Sruileadh, air an 16mh là de Ianuaraidh, Sine Uilson, ann a ceithir ficheadamh bhliadhna.” Is e bh’ ann bàs neach nach robh “glic a thaobh na feola” no “cumhachdach,” no “uasal” ann an eachdraidh an t-saoghail, ach neach a bha ro ghlic a thaobh “a’ ghliocais a thig o shuas;” agus cumhachdach, agus uasal, air dhith ’bhi “n a h-oighre maille ri Criosd.” Agus an uair a chaidh i, mar a theireadh i fhéin “air imrich” do ’n Ierusalem shuas, dh’ fhàg i fianuis shoilleir gu ’n robh “a cuimhne beannaichte,”—agus gu ’n robh i gu bhi “air chuimhne gu bràth.” Is ainmig a chunuacas neach a dhearbh air dhòigh bu shoilleire firinn an fhocail ud,—“Feuch, ardaichidh Dia le a chumhachd; co a theagaisgeas cosmhuil ris-san?” “An àite droighne fàsaidh an October 1876. “A Lily among Thorns.” [TD 34] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1876. TD 2] giuthas, agus an àite drise fàsaidh am miortal; agus bithidh e do ’n Tighearn mar ainm,mar chomharadh bith-bhuan, nach cuirear as àite.” Bha “na Uilsonaich” ’n an teaghlach de cheardaibh a bha ’siubhal na dùthcha, agus aig an robh an còmhnaidh mar a ’s trice ’s an Raploch, baile beag aig bun Creige Chaisteil Shruileidh. Rinn iad spàinean, agus chàruich iad coireachan; ach bu mhò bha a bhuannachd aca de bhaigearachd agus de ghoid. Chaidh iad air turusan fada ’s an t-samhradh, deich no fichead diubh cuideachd, le beathaichean chum an clann agus am bùthan a ghiùlan; agus mar a chaidh iad air an adhart, bha iad ’n an cùis eagail ’s an dùthaich. B’ iad sin “an droigheann.” Ach bha “lilidh” ’n am measg, chum cliù gràis Dhé, Gràs glòrmhor! a’ dol air tòir an neach a ’s caillte gus am faigh e e; agus o mheasg nan Saul, agus nam Magdalene, agus nam Manasseh, agus nan Sine Uilson, a ’tionail a chuid “eisempleirean,” agus a’ cruinneachadh a “sheudan.” Is ann air aon de na turusan aca a thainig an t-Sàbaid air na ceardan ann am Fiu. Mo chreach! B’ ionnan Sàbaid agus seachduin doibh-san. Ach bha rùn tròcair ann a thaobh Sine Uilson, air nach do smuainich i n uair a chaidh i mach leis a’ chuideachd aice air a’ mhaidinn ud. Mar a rinn iad gàire ’us spòrsa, bhuail air an cluais fuaim nan salm, a bha ’g an seinn le coimhthional a chruinnich mach air an raon, mar a bha gnàthaichte an uair sin, aig tìm orduigh. Thubhairt Sine riu “gu ’m faodadh iad dol a dh’ fhaicinn ciod e bha ’g a dheanamh an sud.” Rinn iad fochaid oirre; ach thug an t-annas oirre-sa, no faodar a radh làmh stiuiridh an Tighearna, an Ti “a threoraicheas na doill air slighe nach aithne dhoibh” oirre-sa gu ’n deachaidh i air adhart ’n a h-aonar. Cha luaithe chual’ i guth ’a mhinisteir na chual’ i an stéidh-theagaisg, “Is mallaichte gach neach nach buanaich anns gach ni a tha sgriobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh.” (Gal. iii. 10.) Bu shaighead gheur e o laimh an Spioraid Naoimh, agus chaidh i an sàs ann an anam Shine. “Ma tha iad mallaichte” ars ’ise “nach buanaich anns na h-uile ni, ciamar theid mise as o bhreitheanas siorruidh,—mise nach d’ rinn uiread ’us aon ni a réir toil Dhé. Fad na seirbhis shuidh i air chrith, agus an uair a sgaoil an coimhthional fhuaireadh i leis a’ mhaor-eaglais mar a theireadh i fhéin, “’n a luidh sios air an talamh.” Shaoil esan gur e aon chuid misge no cuthach a bh’ oirre, agus dh’ iarr e air neach eile a thighinn leis gu a giùlan air falbh, ach thubhairt i ris “gur e cor a h-anama bha ’tighinn rithe,” agus dh’ iarr i am ministear fhaicinn. Faodar a chreidsinn gu ’m bu bheag oirre nis an caitheamh-beatha a bh’ aice roimhe. Dh’ fhàg i air ball a companaich, agus thill i gu Sruileadh. Cha d’ ionnsaich i riamh leughadh, agus cha robh i riamh roimhe aig searmoin. Bha a h-aineolas air slighe na slàinte mòr, agus fo uallach cionta nach d’ fhuair maitheanas, bha a h-inntinn air a reubadh ’us air a luasgadh gu goirt, “ag iarraidh foise gun a bhi ’ga fhaotainn.” Cha b’ urrainn an saoghal a cridhe falamh a lionadh, ach lion Iosa e. “Air dhith bhi ’s an t-slighe, thachair an Tighearn oirre.” Chaidh i air ball a dh’ éisdeachd Mhr. Caimbeul diadhaidh, miuistear nan Seceders an Sruileadh, a theagaisg o na focail, “Thigibh do ’m ionnsuidh-se sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm uallaich agus bheir mise suaimhneas dhuibh.” (Mat. xi. 28.) Dh’ innseadh dhith gu ’n robh an suaimhneas air a chosnadh, gu ’n robh “na h-uile ni ullamh;” gu ’n d’ rinn Criosd le a bhàs, “am fìrean airson nan neo-fhìrean,” ’n a ni ceart e do Dhia a bhi ’maitheadh cionta air a bhonn sin, agus gur e creidimh anns an fhìrinn a thaobh so an aon slighe chum Slànuidhear a bheir fois. Ach thàinig i gu bhi fo cheisd, mar a thainig mòran eile, le smuaintibh féin-fhìreanta mu ghniomh an tighinn, [TD 35] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1876. TD 3] toileach fhios a bhi aice ciamar a thigeadh i gu ceart, agus a’ meas gu ’m b’ e tighinn gu ceart “an t-airgiod agus an luach” a dh’ fheumas am peacach thoirt leìs. “Bha a beachd neo-shoilleir, dorch’, Ach bha i ceart, oir dh’ iarr i Criosd.” Dh’ fhairich i gu ’n robh a h-anam an cunnart, agus bu bheag aice a h-aineolas bhi air a rùsgadh laimh ri i bhi air a cumail o bhi ag iarraidh comhairle agus cuideachaidh, ged a bha Satan a’ cur iomadh ceaptuisbdh ’s an t-slighe. Bha i deich bliadhna fichead a dh’ aois mu ’s b’ urrainn i am Biobull a leughadh. Ach bha i toilichte bhi air a teagasg. Dh’ fhoghluim i nach e “saothair” ach “creidimh” a bheir suaimhneas. Bha mu ’n àm so searmoin eile, airson an do mhol i Dia, a chionn na thug e dhith de shaorsainn. Is ann air na briathraibh (Rom. viii. 2) a bha i: “Shaor lagh Spioraid na beatha, ann an Iosa Criosd, mise o lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis.” Chunnaic i nis, ann an solus an Spioraid, gu-n robh na ’s leòr ann am fuil Chriosd a mhàin, chum dòchas maith a thoirt do pheacach air bith a dh’ éisdeas r’ a guth, a chionn gu bheil i a’ labhairt mu Dhia a fhuair sàsuchadh, agus sàsuchadh le bhi air a ghlòrachadh gu h-iomlan. Thug so fois d’ a coguis, agus lion e i leis “an t-sìth a tha ’dol thar eòlais.” O ’n là sin a mach bha a caithe-beatha air atharrachadh gu léir. B’ àbhaisd do Shine labhairt air a’ choman fo ’n robh i do fhigheadair diadhaidh air an robh Padruig Mac Fhearghuis, air am bheil cuimhne fhathasd mar Chriosdaidh ’s a’ bhaile. Mu ’n robh làn chomas leughaidh aice fhéin, “ruidheadh i gu trice gu Padruig a dh’ iarraidh air a cuimhne ’chuideachadh le earrainnibh.” Ach dh’ fhoghluim i nach e bhi cosmhuil ri criosduidhean eile ’n a faireachadb a dheanadh dòchas d’ a b-anam. Dh’ fhoghluim i bhi a ’sealltuinn cha-n ann a stigh, ach a mach chum Chriosd airson sìth,—o’ n fhéin, agus air an t-Slanuidhear. “Bha mi fada,” ars ’ise, “a’ socrachadh air mo choran agus air m’ fhaireachaidhean, agus bhithinn fo thrioblaid an uair a dh’ atharraicheadh iad sin. An uair a bha saorsa agam ann an ùrnuidh, bha mi cho toilichte leam fhéin ’us gu ’n robh mi gun eagal a thaobh mo shàbhalaidh. An uair a bha mi ann an daorsa cha robh dòchas idir agam. Ach dh’ fhàg mi sin gu mòr as mo dhéigh, agus cha-n ’eil uam nis chum mo bheathachadh ach ‘glòir Dhé ann an gnùis Iosa Criosd.’” Is minig a labhair i mu mhearachd na muinntir a tha mar gu ’m bitheadh iad a’ smuaineachadh gur comharraidhean air mhaith do ’n anam “eagalan agus teagamhan,” an àite iad a bhi ’n an comharraidhean air michreidimh. Tha iad a’ nochdadh nach lean daoine am Biobull uile. Chuir i an aghaidh dànadais; ach thuig i gu ’m faodadh danadas a bhi ’s an amharus a chionn ’us gur danadas bhi ’cur an amharus fìrinn Dhé. Bha uile chomasan inntinn Shine air an ardachadh leis an t-soisgeul. “Thug fosgladh a bhriathar solus, a’ teagasg an neach aon-fhillte.” Bha i nis ’n a meadhon maithe mar a bha i uairéigin ’n a meadhon uile. Bha a’ mhuinntir gun chùram aon chuid a’ gabhail eagail no nàire roimbe. Cha deanadh fear dhiubh mionnan am fianuis Shine. Bu mhòr a gràdh do ’n fhocal air a shearmonachadh. Sàbaid ’us seachduin fhad ’s a b’ urrainn i lean i na meadhonan le dùrachd. Bha am focal sgriobhta ’n a chompanach aice a ghnàth, “bha e dhith ’n a bhiadh ’us ’n a dheoch, ’n a aoibhneas d’ a cridhe.” Dh’ aithris i a bhriathran gu cothromach ’us gu ceart. Bha i de nàdur suilbhir. Ged nach robh fhios aice an diugh ciamar bhitheadh i beò maireach, bha i suilbhir. Ged a bha galar craidhteach aice, gidheadh bha aghaidh shuilbhir oirre a ghnàth, agus bhitheadh moladh gun sguir ’n a beul. [TD 36] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1876. TD 4] Mar a thainig laithean a turuis gu crìch, bha a neart a’ falbh gu luath, ach ma bha, bha “fàs ann an gràs” aice gu h-iongantach,—air a dealachadh o ’n t-saoghal, agus ag abachadh airson glòire. Thainig a gairm mu dheireadh, agus “le ola ’n a soitheach,” agus a lochran a’ lasadh, “chaidh i an coinnimh an Fhir nuadh-phosda.” Air Desathuirn mu ’n do chaochail i, bha i roinn na b’ fhearr, ach air an oidhche sin dh’ fhuiling i gu mòr o ghearradh. Air feasgair na Sàbaid bha i ’na ’s fhearr a rìs, agus air dhith steidh teagaisg an latha a chluinntinn. (Rom. v. 3, 4.) “Oibrichidh trioblaid foighidin, agus foighidin dearbhadh, agus dearbhadh dòchas” thubhairt i le beothalachd, “Seadh, agus ‘cha nàraich an dòchas.’” Bu shoileir do gach neach gu ’n robh i nis a’ dol troimh ’n ghleann. Ach thubhairt i ruinn, “Cha-n ’eil e dorch.” Air maidinn Dhe-mairt air dhith bhi úine mhaith gun mhothachadh, “bha an cord airgid air fhuasgladh” air dhòigh cho ciùin, ’us nach mòr gu ’n robh fios gu ’n do shiubhail i. Choidil i Bha i maille ri Iosa. A leughadair, am bitheadh e mar sin leatsa na ’m bitheadh d’ anam an nochd air iarraidh uait? An soisgeul mòr, is e a mhàin a theàrnas! Is e “cumhachd Dhé e chum slàinte do gach neach a chreideas.” Tairgidh e uile aoibhneas a’ mhaitheanais do ’n fhear air am bheil cuig ceud peighinn a dh’ fhiachaibh agus do ’n fhear air am bheil leth cheud; agus “do bhrigh nach robh aca ni leis an dioladh iad, mhaith e gu saor dhoibh araon.” Chuala Sine Uilson an sgeul aoibhneach ud, agus fhuair i gràs gu bhi ’g a mheas fior. Le earbsa “leig i a peacaidhean air Iosa,” agus air dhith sin a dheanamh, cha robh tuilleadh eagail oirre, oir is e Uan Dhé féin a chunnaic i a giùlan a peacaidhean agus ’g an giùlan air falbh. Le oidhirp dhileis onoraich air Dia a thoileachadh ’s na h-uile ni, fhuair i an dòigh air beatha naomh, shona, a chaitheamh, an ni a dh’ fhàgas dòchas air glòir airson uair a’ bhàis. Faodaidh so uile, a leughadair chaoimh, a bhi agadsa. Cha-n ’eil doigh air a ruighinn ach troimh eòlas air gràdh naomh Dhé a chithear ann an Criosd air a cheusadh, ach troimh an eòlas sin ruigidh sinn air gun amharus ’s am bith. “Tha an duine so a’ gabhail pheacach d’ a ionnsuidh,” peacaich a fhreagaireas an ainm. Co a chuir e riamh uaithe? O, thigibh a nis gun luach, gun ullachadh! Thigibh le ’r droch cridhe ’n ’ur com, ’ur droch caithe-beatha as ’ur déigh, agus ’ur n-olc uile timchioll duibh. Thigibh a chum “Chriosd làn,” mar “pheacaich falamh.” Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu’ n d’ thug e ’aon-ghin Mhic féin chum ’us cia b’ e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu ’m bi a’ bheatha shiorruidh aige.” “Is i so a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhi aca ortsa, an t-aon Dia fior, agus air Iosa Criosd a chuir thu uait.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 37] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. “FAODAIDH DIA MO BHUALADH A RIS.” SGEUL MU CHEANNAIRC INNSEAN NA H-AIRD’ AN EAR. [Dealbh] AON mhaidinn. mar a dh’ éirich mi o bhi a’ leughadh do dhuine a bha dlù do ’n bhàs (sgriobh ughdar “An Saigdear Breatuinneach ’s na h-Innsibh”), thainig searsann, a ràinig an seòmar beagan roimhe sud, thugam. Dh’fheòraich e dhiom an faodadh e innseadh dhomh mu chompanach òg a bhàsaich anns an sgiorradh eagallach aig Cawnpore. “Bha buidheann dhinn,” ars’ esan, “aon là ’n ar seasamh mu ’n Tobar. Bha sinn duilich ’n uair a smuainich sinn air na dh’ fhuiling mnathan ’us clann an sud, ’us dheanadh na daoine dioghaltas nam faodadh iad. Chuir mise focal no dha stigh airson mo mhaighistir, oir, gloir a bhi dha, chaidh mo thoirt gu gràdh a thoirt da fad roimh sud ’s a sgoil Shàbaid. Mata, mar a thubhairt mi, labhair mi focal riu, a thug orra a bhi ’mionnan. “A ghillean,” arsa mise, “thoir leam November 1876. “God may strike me again.” [TD 38] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. TD 2] gu ’m faodadh an Tobar so ar crioch dheireannach a chuir ’n ar cuimhne. Is beag a shaoil leis an t-sluagh bhochd a tha ’n an luidhe an so, o chionn bheagan sheachduinean, gu ’n robh bàs cho uamhasach dlù dhoibh; ach tha fhios againne gu bheil cunnart romhainn, agus ma bha feum ann doibhsan ’bhi cuimhneach air a’ bhi-bhuantachd, cha lugha am feum a th’ againne.” “Fad na h-uine bha mise a’ bruidheann bha iad a’ mionnachadh, agus ag iarraidh orm bhi ’n am thosd; ach b’ éigin domh labhairt, oir dh’ fhaodadh e bhi nach fhaighinn cothrom eile air labhairt riu mu ’n anamaibh. ‘Tha thu ’cur an cuimhne dhomhsa,’ ars’ fear dhiubh, ‘briathran a labhair baintighearn riumsa o chionn bheagan laithean sios air an dùthaich iochdraich; cha chuimhne leam ach aon fhocal a thubhairt i, a bhuineadh bhi agam mar fhocal-caithris: “Bu choir dhuinn bhi beò ag amharc ri Iosa.” Cha-n ’eil cuimhne agamsa ciamar a mhìnich i e; rachadh e uile as mo chuimhne mar b’ e ni àraidh a thachair m’ a dhéighinn. An oidhche a dh’ fhalbh sinn—anns na carbadaibh—air dhomhsa agus do chuid eile màrsadh car ùine, chaidh sinn stigh a chodal. Cha robh codal oirnn, agus dh’ iarr fear bha an sin sgeul. Arsa mise, “Bheir mise searmoin dhuibh ma thogras sibh;” ghàire iad ri sud; oir is mise am fear dhiubh a ’s lugha aig an robh riamh cainnt dhiadhaidh de ’n t-seòrsa ud. Bha iad uile de ’n aon bheachd rium. “C’ àite an d’ fhuair thu na focail de ’n dean thu an t-searmoin?” ars’ iadsan, “cha robh duine do na naoimh riamh sios ’s an àite bheag agaibhse.” “Tha e agam ùr, tha mi dìreach air tighinn as an sgoil; is ann agam bha an sporsa an diugh. Chaidh mi a dh’ fhaicinn fear de na daoinibh againn bha tinn ’s an hospital; bha boirionnach uasal ’n a suidhe làthair ris, agus ciod e ’ur barail, bha e ’s a ghal airson an droch caitheamh-beatha a bh’ aige! Thubhairt i riumsa gu ’m feumadh i focal beag a labhairt rium mu’n dealaicheadh i ruinn, d’ eagal gur ann aig caithir breitheanais a bhitheadh an ath choinnimh againn. Agus thubhairt i rium, ‘Bhuineadh dhuinn bhi beò ag amharc ri Iosa,’ agus dh’ iarr i orm sud innseadh do na daoinibh a chithinn an so. Dh’ innis i dhomh ciod e sin amharc; gu ’m b’ e sin gun a bhi sona gus am bitheadh Iosa beò ann mo chridhe; agus thubhairt i, iarraidh air mo chumail gu daingean, oir gu ’n robh cridhe cloiche agam, agus nach robh toil agam amharc suas, ni a bha fior, oir rùnaich mi uair ’us uair éiridh ’us falbh ’n uair bha i a’ bruidheann, oir bha na briathran aice ro throm orm. Ach labhair i mu ’n aoibhneas a bh’ aice ’s an diadhachd, agus dh’ aithnich mi gu’n robh gràdh aice do Iosa, agus gu ’n robh i ag iarraidh maith dhomhsa. Bha i duilich an uair a dh’innis mi dhi gu’n robh fuath agam do nithibh na diadhachd uile.” “Ciod e thubhairt i riut mu ’d fhocal-caithris, a dhuine?” ars’ fear dhiubh ’s a ghàireachdaich; “cha d’ fhuair sinn searmoin fhathasd.” An sin dh’ innis mi dhoibh mar a b’ fhearr a b’ urrainn mi, oir bha e air bàrr mo theanga aig an àm. An uair a bha mi a’ labhairt car uine, chuala sinn fuaim gal, oir bha na daoine sàmhach, ged a bhitheadh droch fhocal a’ tighinn á sud ’us á so. “Co sin?” ars’ sinne. “Co ach Eoin, ’s a ghal mar gu ’m bitheadh pàisd leinibh ann,” ars’ fear de na daoinibh. Is gann gu ’m b’ urrainn Eoin bruidheann, ach ghuileadh e, ag ràdh mu dheireadh, “Tha e fior, is peacach mòr mi—cha-n ’eil mi ullamh chum bàsachadh—bu mhaith leam amharc, ach cha-n aithne dhomh ciamar a ni mi e.” Agus lean e mar sin. Faodaidh sibh bhi cinnteach gu ’n d’fhuair e e airson a bhuige, ach is ann bu mhò a ghuileadh e, agus a dh’ iarr e co ris a dh’ amhairceadh e—agus ciamar a dh’ amhairceadh e, mu ’n rachadh e do ’n chath. “Mata,” ars’ esan a labhair, “faodaidh tu am Biobull beag a thug i dhomh, agus an litir a chuir i [TD 39] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. TD 3] leis an nochd fhaighinn, ma thogras thu fhéin. Bha mi ’cur romham am fagail a’ m’ dheigh, ach an sin smuainich mi gu ’m beothaicheadh iad mo phioba.” Agus ’n uair a thàinig solus an latha, thug mi dha iad, agus o ’n uair sin cha do sguir e de bhi ’g an leughadh. Bithidh e ag ùrnuidh cuideachd; is ann tha e mar gu ’m bitheadh an cuthach air mu ’n diadhachd. Their e gu bheil feum aige air teagasg, oir cha thuig e ro mhaith na leughas e; ach gun teagamh tha rùn air a chaitheamh-beatha atharrachadh; tha e làn de dhòighibh nam Methodach. Bha aon ni ’s an litir rinn ro thruagh e; thubhairt i, “Tha thu ag innseadh dhomh, mo charaid, gu ’n robh thu an toiseach ro thinn, agus a rìs air do leònadh gu goirt ’s a’ Chrimea. Chuir Dia na tròcair na deuchainnean ud thugad ann an gràdh chum toirt ort smuaineachadh air cho uamhasach ’s a tha am bàs, ’n uair a thig e dlù dhuit. Dh’ iarr e leo do chridhe a chosnadh dha fhéin; ach cha do leagh na rabhaidhean sin do chridhe. Cuimhnich, faodaidh Dia do bhualadh a rìs; agus faodaidh an ath bhuille uaithe do chur a dh’ ionnsuidh do chunntais ris.” “Oh!” ars’ Eoin, a rìs agus a rìs, “thearnadh mise o iomadh cunnart, fhuair mi iomadh buille, thugadh na h-uile ni ’s an t-saoghal do ’n robh gràdh agam uam—iad uile ach mo bhràthair ann an Lucknow—ghabh mi ’s an arm chum gu ’m faicinn a rìs e. Ach bha mi cho olc, faodaidh Dia mo bhualadh a rìs, agus esan a thoirt uam. Dh’ fhàs e diadhaidh o dh’ fhàg e sinne, co dhiubh tha a litrichean ag innseadh sin.”’ “‘Mata, a chorporail,’ thubhairt mise ris, ‘tha e coslach an deigh do mhagadh uile, gu ’n deachaidh do shearmoin mar shaighid gu cridhe aon duine bhoch pheacaich, agus is e sin ni nach urrainn na h-uile ministear a ràdh.’ “Air dhomh bhi air mo thogail gu mòr leis an sgeul,” ars’ an searsann, “chaidh mi null far an robh Eoin, agus bha beagan bruidhinn agam ris. Bha e ro eudmhor, an gille bochd; bha mar gu ’n robh tinneas-caitheimh air. Bha dearbhadh peacaidh aige, ach cha robh e fhathasd mar gu ’n do ghabh e ri maitheanas saor. Bu mhò ’us mòr dha creidsinn gu ’n robh Dia mar shlànuidhear ann. Bha mi dearbhta mar a rinn mi ùrnuidh leis, gu ’m bitheadh am brat air a thoirt dheth. Bha e ’n am choman airson mo chaoimhneis, agus thubhairt e gu ’m b’ iongantach, am measg aimhreit a’ chogaidh, gu ’n éisdeadh Dia ’ùrnuidh, agus gu ’n cuireadh e neach a bhruidheann ris do ’m b’ aithne an fhìrinn. ‘Tha mo chridhe dorch,’ ars’ esan, ‘ach ni mi mar tha an litir agam ag ràdh; bithidh mi beò, ag amharc ri IOSA, chum agus aig a’ bhàs gu ’m bi e dlù dhomh gu ’m chuideachadh, agus faodaidh bhi gu ’n innis ann Biobul fhéin dhomh ciamar a thig mi, agus a ghabhas mi ri Iosa mar mo Shlànuidhear fhéin.’ “Air dhuinn Lucknow a ruighinn, bha toilinntinn ann am bhi, faicinn a bhràthar beò ged a bha e am fìor dhroch shlàinte. Bha miann mòr air an dithis an fhìrinn mu Iosa ’aithneachadh; ach bha tuilleadh eòlais aig an fhear bu shine, agus bha e comasach air creidimh us gràdh Eoin a neartachadh, agus bha Eoin dhasan an uair a leigeadh a ghairm leis, ’n a fhear-altruim caoimhneil. “Aon là ’us e air chaithris, thubhairt saighdear Gaidhealach ri Eoin, ‘A charaid, am bheil focal-caithris agad?’ ‘Tha, “bu chòir dhuinn bhi beò, ag amharc ri IOSA.”’ ‘Agus agamsa tha,’ ars’ an Gaidheal, ‘“Tha gràdh Chriosd ’g ar co-éigneachadh.”’ ‘Oh,’ ars’ Eoin, ‘faodaidh tu innseadh dhomh mu ’n ghràdh ud, oir’ tha e cosmhuil nach urrainn mise ach éigheachd, Is peacach mi. Is beag a ’s aithne dhomh mu Chriosd; tha e ro àrd dhomhsa.’ ‘Cha-n ’eil sin mar sin,’ ars’esan, ‘thainig e do ’n t-saoghal, agus bha e bochd mar a tha sinne; agus a nis is e caraid nam peacach e, agus cha-n ’eil uainn ach gu ’n tarruingeadh cumhachd a’ ghràidh ud sinn gu a leantuinn, agus ùmhlachd [TD 40] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. TD 4] agus gràdh a thoirt da. Ma thogras tu, leughaidh mise dhuit litir a chuir baintighearn thugamsa an dé o ——.’ ‘Cha-n fhaod a bhi nach e sin an té a sgriobh do ’m ionnsuidh-sa,’ ars Eoin. Leugh iad an dà litir. Bha litir an Albanaich air a’ 84mh Salm, ’us bha an Salm fhéin air a sgriobhadh sios, ni a chord ri cor anam’ Eoin. Lùb iad an sin an glùn agus ghuidh iad airson soluis agus gràidh. Dh’ éirich Eoin ’n a dhuine eile; rinn e greim air Criosd, agus fhuair e neart chum beatha creidimh air Mac Dhé, a thug e le a ghràdh cumhachdach gu stòl-choise a’ chroinn-ceusaidh, a chaitheamh. “Là an déigh latha bha a bhràthair ’dol na ’s miosa ’n a shlàinte; agus air an fheasgair air an d’ ràinig iad Cawnpore, chaochail e. Chunnaic mi e an deigh a bhàis, agus lean mi e an ath là do ’n uaigh. Bha Eoin ro dhuilich, agus ghuil e gu goirt os cionn na ciste. ‘Bhuail Dia a rìs mi, ach tha fhios agam gur e gràdh a th’ ann.’ “Bha sinn am measg na muinntir a chaidh fhàgail mar ghearasdain ’s a bhaile, agus car ùine, bha sealbh againn air làthaireachd Chriosd. Bhitheadh sinn a’ conaltradh cuideachd, agus bu mhilis leinn gràdh an t-Slanuidhir. Ach cha b’fhad a lean sud. Bha Eoin cho làn dòchais gu ’m bitheadh e dh’ aithghearr ann an glòir, agus cho miannach air a shuaimhneas, gu ’n robh fhios agam nach fhad a bhitheadh e an so. “An uair a thug ceannaircich Ghwalior oidheirp oirnn,fhuair Eoin a leòn-bàis. Ghiùlain sinn gus an hospital e, agus bha e beò, ach ann am pian mhòir, fad naoi uairean. Ach bu mhòr ’aoibhneas. Thug e orm ùrnuidh; a dheanamh, agus earrainnean àraidh de ’n Bhiobul a leughadh, agus dh’ iarr e a litir fhaicinn aon uair eile. ‘Tha sin fior,’ ars’ esan, ‘tha Slànuidhear ann a’ feitheamh air peacaich a thearnadh. Aithris do na h-uile neach am focal ud, “Bu chòir dhuinn bhi beò ag amharc ri Iosa,” chum gu ’m bi dòchas aca ’n am bas mar a tha agamsa. Ag amharc ri Iosa! Oh, is milis greim bhi againn air. Thug e aoibhneas dhomh nach urrainn mi innseadh. Oh, ma tha e cho maiseach aig a’ chreidimh, ciod e cho ro mhaiseach sa bhitheas e ’s an t-sealladh! Is taitneach leam na h-earrainnean ud— “Sìth Dhé, a bheir do ’n anam sìth, ’N uair dh’ fhàgas trioblaid e ro sgìth. Is daigneach laidir i le Dia, An aghaidh gaoith ’us stoirm ’n a sgiath. Sìth Dhé, ’s ann aice tha cumhachd mòr, Chum dorchadas chur as le còir; Chum aoibhneas chur ’s a chridhe thruagh, ’Us dion o ’n t-sleagh a’s teinntich buaidh.” “‘Is fior sin,’ ars’ esan, mar a luidhe e an sud leònta, ‘theid a shluagh o neart gu neart, Rinn mise mar sin, agus a nis tha mi gu taisbeanadh ’n a làthair an Sion.’ Chaochail e mu bhriseadh na fàire.” Chriochnaich an searsann a nis a sgeul. Dh’ fharraid mi dheth am b’ aithne dha ni mu ’n t-saighdear do ’n d’ thug mi am Biobul. “Is aithne,” ars’ esan; “Bhuail teas na greine e air an rathad gu Lucknow. Lean e gus a chrich dìreach mar a bha e.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 41] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. EOLAS M’ A THIMCHIOLL, GUN EOLAS AIR. [Dealbh] BHA Uilleam Cochrane n’a ghille suairc, tuigseach, de mhuinntir Chillemharnaic. Thuig e ann an ceum a dhleasdanas d’ a cho-chreutairibh, agus dh’ iarr e a chomhlionadh, ach cha robh àite ’n a chridhe do Dhia, agus cha robh faireachadh aige air coman da. Gu dearbh, mar na h-uile duine gun aithbhreith, caoin no ascaoin, bha e mar neach nach bitheadh a’ creidsinn gu ’m bheil Dia no slanuidhear, no breitheanas, no siorruidheachd idir ann. Chaidh e do ’n eaglais, ach ma ’s e sin uile, faodaidh duine Dia dhi-chuimhneachadh am measg nam meadhonan cho maith ’s a dh’ fhaodas e as an eugmhais. Ach bu mhaith do Uilleam gu ’n do thachair Dia ris an sin, agus gu ’n do chàruich e am focal air a shearmonachadh ris chum dùsgadh ’anama. Dhearbh an Spiorad Naomh air a chionta mòr am fìanuis Dhé: gur ann mu pheacaich, mar a bha esan, bha na briàthran air an labhairt “Cuirear na December 1876. “Knowing about it, yet not knowing it.” [TD 42] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. TD 2] h-aingidh gu ifrinn, an sluagh uile nach cuimhnich Dia.” (Salm ix. 17.) Fad dheich miosan cha d’ fhuair e fois. Fad na h-aimsir sin bha e’ toirt dian oidhirp air a chridhe chur ceart, ach mar is mò a dh’ fheuch e ris, is ann is soilleire bha e dha nach robh comas aige air. Bha e car ùine a’ meas gu ’n robh e dlù air tearnadh. Ach cha d’ amais e air a chionn nach robh fhios aige gu ’n robh am focal cho faisg air (Rom. x. 8.) Lean e air iarraidh mu leud roinne air falbh uaithe. Is ann an uair a bha e mar so a choinnich mise ris, agus an deigh urnuidh a dheanamh, bha an còmhradh a leanas againn:— “Nis, Uilleim, choinnich sinn chum labhairt mu ’n t-soisgeul; ach an ann a dh’ innseas tusa dhomhsa m’ a dheighinn, no an innis mise dhuitse? Oir tha eòlas agad air.” Cha do fhreagair e, ach bu truagh a choslas. “Saoil thu am bheil eòlas na ’s leòr agad, Uilleim, air sgeul gràidh Dhé, chum a bhi comasach air slighe na slàinte ’fhoillseachadh do anam iarrtuinneach air’ aithneachadh, mur robh neach eile ann gu a dheanamh?” “Tha,” ars’ esa, “a rèir mo bharailse.” “Agus ciod e theireadh tu ris?” “Dh’ fhoillsichinn da na rinn Iosa chum daoine caillte a theàrnadh, agus dh’ innsinn da gu bheil maitheanas ann do pheacach air bith trid fola Chriosd.” “Agus na ’n robh e air fharraid dhiot ciamar a ruigeadh e air a mhaitheanas ud, agus c’ uine, ciod e theireadh tu?” “Oh,” ars’ esa, “theirinn gu ’n robh e gu creidsinn anns an Tighearn Iosa Criosd, agus sin air ball, chum ’us gu ’m faigheadh e maitheanas.” “Nis, Uilleim, ciod e an sòlas a th’ agad fhéin o na firinnibh luachmhoir ud?” ars’ mise. “Cha-n ’eil sòlas ’s am bith,” ars’ esan. “Nach iongantach sin; ciod e ’a s coireach?” “ Cha-n urrainn mi ràdh,” is e thubhairt e gu stuaim. “Oh, Uilleim, is e so a ’s coireach, ged is aithne dhuit mòran mu thimchioll an t-soisgeil, cha-n’ eil thu ’g a chreidsinn; cha-n ’eil thu a’ creidsinn an ni a thubhairt thu rium sa o chionn bheagan mionaidean.” “Oh, tha,” ars’ esan le dùrachd, “tha mi ’ga chreidsinn.” “Carson mata, a tha thu cho truagh?” “Tha,” ars’ esa, “le cruas mo chridhe; cha-n ’eil tlachd agam ann an leughadh a’ Bhiobuill, no ann an ùrnuidh; agus a thaobh Dhé, is ann tha eagal orm as, ach cha-n ’eil gràdh agam dha.” “Mata, an deanadh e sona thu nam faigheadh tu do chridhe taise agus blàth, a’ leaghadh ri cuimhne do pheacaidhean, agus blàth le gràdh do Chriosd?” “Is e sin an dearbh ni tha uam,” ars’ esa le eud, “ach cha-n fhaigh mi ruighinn air.” “Oh, a charaid, cha-n fhaigh thu fois gu bràth an sin. An innis thu dhomhsa aon uair eile, co a thainig Criosd a shireadh ’s a thearnadh?” ars’ mise. “Peacaich,” ars’ esan a’ freagradh. “Am bheil thu cinnteach?” “Tha,” ars’ esa, “tha am Biobull ’ga ràdh, ‘Thainig Criosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail a theàrnadh pheacach.’” “Nis, Uilleim,” arsa mise, “is i so a’ phuinng nach creid thusa.” “O, tha mi a’ creidsinn sin,” ars’ esan. “Cha chreid mi gu bheil, oir nam bitheadh, cha bhitheadh tu an eudòchas a chionn ’us gur peacach thu. Ciod e sin peacach, ach dìreach creutair bochd, truagh,mar thu fhéin, le cridhe cruaidh, aingidh, mar a th ’agadsa? Is ann a thearnadh peacaich de ’n t-seòrsa sin a thainig Criosd, agus nam bu neach de sheòrsa eile thusa cha bhitheadh feum agad air tròcair Chriosd, oir thainig e a thearnadh sin a bha caillte. Carson mata, a tha thu a’ strì ri ni maith oibreachadh annad féin, an àite dhol chum Iosa mar a tha thu, chum gabhail, mar pheacach, ris an tròcair shaoir a tha esan a’ tuirgseadh dhuit MAR PHEACACH?” [TD 43] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. TD 3] “Is e sin tha uam a dheanamh,” ars’ esan air ball. “Seadh, Uilleim,” ars’ mise, “ach is e sin ni nach ’eil thu toileach a dheanamh. Is ann nach earb thu thu fhéin ri Dia, gun aon ni agad ach agartas fola Chriosd, agus gealladh Dhé an ceangal ri sin. Bu mhaith leatsa faireachaidhean maithe bhi agad de do chuid féin.” “Smuainich e beagan, agus an sin dh’ fhoighnich e, “Ciod e bu choir dhomh a dheanamh nis?” “Is e mo bharail gu’ m bu choir dhuit sguirsinn de bhi ’deanamh ni sam bith, mur a tha thusa ’g a thuigsinn. Cha d’ rinn do dheanadais gu so dad air do shon, agus cha dean. Bi ’n ad thosd a nis, agus eisd ri Dia. Leugh ’s na Romanaich x. 1-3.” Leugh e, “A braithre, is e dùrachd mo chridhe, agus m’ ùrnuidh ri Dia air son Israeil, gu ’m bitheadh iad air an teàrnadh. Oir tha mi a’ deanamh fianuis dhoibh, gu bheil eud aca thaobh Dhé, ach cha-n ann a réir eolais. Oir air dhoibh bhi aineolach air fìreantachd Dhé, agus ag iarraidh am fìreantachd féin a chur air chois, cha do striochd iad do fhireantachd Dhé.” “A nis, Uilleim,” arsa mise, “chi thu o na briathraibh ud, gu’n robh na h-Iudhaich coslach riutsa. Dh’ iarr iad na tha thusa ag iarraidh, agus dh’ iarr iad e gu dùrachdach; ach o nach d’ iarr iad e ann an rathad Dhé, cha d’ amais iad air. Am bheil ni ’s an treas earrainn a tha ’glacadh d’ aire?” “Tha,” ars’ esan, “ag iarraidh am fìreantachd féin a chur air chois.” “Agus ciod e a tha thu a’ faicinn an sin?” “Tha eagal orm gu ’n robh mi ’g a dheanamh,” ars’ esan. “Mata bha, Uilleim. Agus ciod e tha an earrainn ag ràdh mu’n fheadhain a bhitheas a deanamh sin?” “Cha do striochd iad do fhìreantachd Dhé,” ars’ esa. “Ro cheart,” fhreagair mise, “agus nach e so do chor-sa? Tha thu airson bhi air do thearnadh mar dhuine maith, an àite bhi “’striochadh” do bhi air do theàrnadh mar pheacach; mar neach gun mhaitheas d’ a chuid féin, agus do ’n eigin bhi fo fhiachaibh do Chriosd mar Fhear-saoraidh. Cha-n e do pheacadh a tha ’g ad chumail gun sìth, ach nach ’eil thu toileach bhi air do thearnach mar PHEACACH. Leugh Ecsodus xii. o thoiseach gus a’ cheathramh earrainn deug?” Rinn e sin, agus bha e cho tuigseach gu ’n do thuig e gu maith gu ’n robh a’ chàisg ’n a shamhladh air Criosd, agus air slàinte shaoir troimh ’fhuil. “A nis, Uilleim,” ars’ mise, “ma tha an Eiphit chiontach a’ fulang airson a peacaidhean, carson a rachadh Israel chiontach as? Tha iadsan ’dol as a mhàin airson gu bheil dearbhachd aca cia b’ e àite ’s am bi comharradh na fola air a chur air an dorus an sin gu ’n teid aingeal a’ bhàis thairis. Nis faic gu h-àraidh na briathran ’s an 13mh earr., ‘An uair a chi mise an fhuil theid mi thairis oirbh;’ agus o na focail ud tog na tri nithean a leanas,— “An toiseach, cha b’ e an ni a thearuinn an t-Israelach, ni ’s am bith bha ’n a chridhe fhein. Dh’ fhaodadh e a chridhe fhaireachadh cruaidh no taise. Cha b’ e sin bunait ’earbsa, ach comharadh na fola air an dorus. Bha a thearuinteachd ann an ni an taobh mach da fhéin; seadh an taobh mach d’ a thigh, an fhuil air puist a dhoruis. Agus mar sin, is e an t-aon ni a ’s urrainn duine a shaoradh a nis o bhreitheanas Dhé air peacadh, fuil Iosa Criosd; ni nach ’eil ann an cridhe idir—no anns na tighean againn—no ’s a’ bhaile so—no ann an Alba. Agus gidheadh, Uilleim ionmhuinn, leanaidh tusa. a’ sireadh do chridhe, airson ni de’d chuid fèin, a tha thu airson bhi air aideachadh le Dia mar do chuidse, agus ni airson an iarradh tu uaithe a bhreitheanais a thionndadh air falbh! Am bheil thu ’g am thuigsinn?” “Tha, gu maith,” ars’ esan. “Mata, thoir an aire, ’s an dara àite, gu ’n robh an ni a theàruinn an tigh cha-n ann a mhàin an taobh mach [TD 44] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1876. TD 4] dhoibh, ach ’n a ni nach b’urrainn iad FHAICINN. Cha-n fhac e ach Dia. ‘An uair a chi mise an fhuil,’ ars’ esan. Agus is ann mar sin a tha e nis. Tha am peacach a th’ air a theàrnadh le fuil Chriosd, air a thearnadh cha-n ann troimh ni a tha esan a’ faicinn ach troimh ni a tha an Tighearn a’ faicinn. Nis, Uilleim, tha thusa ag iarraidh neach ’fhaicinn, agus ni ’fhaireachadh; agus gus am faic thu e air do shon féin, cha-n ’eil sòlas ann duit ann an Dia bhi ag ràdh gu bheil esan ’g a h aicinn, oir cha chreid thu e.” “Oh,” ars’ esa gu dùrachdach, “is ann an so bha mise clì. Tha mi ’g a fhaicinn nis.” “Mata faic an treas ni a tha r’ a fhoghlum. An uair a bha an t-Israelach air a thearnadh le ni an taobh mach dha fhéin agus nach b’ urrainn e fhaicinn, fhuair e gealladh soilleir Dhé mu ’n ni chum sith inntinn, ach cha robh AON NI EILE AIGE. Tha thusa a’ diùltadh earbsadh a focal lòm Dhé, ’gu ’n glan fuil Iosa Criosd a Mhic o na h-uile peacadh.’ Ach gus an ‘striochd’ thusa chum eurbsadh á Dia a mhàin airson do theàrnaidh mar pheacach, gun ni agad ach fuil Chriosd, agus gun tobar sithe ach gealladh Dhé, agus sin gun ni fhaicinn, agus gun ni fhaireachadh,—gus an ‘striochd’ thu mar sin, cha-n ’eil saoradh ann o pheacadh agus o eudòchas. Nach ’eil thu ullamh fhathast?” “Tha,” ars’ esan le guth air chrith. “Agus am bheil slighe so na tròcair naoimh a ’freagairt cor cho truagh ’us cho dìblidh ri do chor-sa?” “Tha, oh tha,” ars’ esan, “cha-n fhac mi riamh riomhe gu ’m faodainn bhi air mo thearnadh dìreach mar a tha mi agus a nis, ach is léir dhomh nis e.” Bha an còmhradh ud air a bheannachadh do ’n duine òg. Ràinig e Criosd agus fhuair e fois. Bha e aig an àm ’n a làn neart, ach beagan as a dheigh ghéill a shlàinte, agus ann an cuig miosan deug, chaochail e. Bha a ’chrioch ’n a “sìth iomlan.” A leughadair, an do striochd thusa do fhìreantachd Dhé? Am faca tu ann an solus làthaireachd naoimh Dhé gu ’m bheil d’fhìreantachd uile ’n a lui deagan salach—nach fhiù eadhon do nithean a ’s fearr chum do dheanamh réidh ri Dia.’ An d’ thainig thu mata gu uaill a dheanamh á Criosd a mhàin, mar an neach a rinneadh le Dia dhuinn “ ’n a ghliocas, ’n a fhìreantachd, ’n a naomhachd, agus ’n a shaorsainn?” (1 Cor. i. 30.) No am bheil thu fhathasd a’ saothrachadh gu truagh, ’us gu h-aingidh, a’ cur air chois d’ fhìreantachd fhéin? Mo thruaighe; ma tha? Ach, a leughadair, faodaidh tusa bhi gun chùram idir. Ciamar a ’s urrainn thu bhi cho suaimhneach le fearg uamhasach Dhé riut? (Eoin iii. 36.) Ciamar a ni thu gàire—codal—itheadh ’us òl—le anam caillte, fo dhiteadh air do shiubhal, agus thu, faodaidh bhi, mu ruith uaire thime de là do bhàis? Oh, fhir-codail, dùisg! duisg! Tha cabhar làthair riut ma ghabhas tu rìs. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad au tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 45] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. A’ BHLIADHNA UR, 1877. AN SOISGEUL SIORRUIDH. [Dealbh] THA na bliadhnachan a’ falbh; tha na laithean a’ tuiteam sios mar na duilleagan criona; tha uaighean ’g am fosgladh ’us ’g an lionadh; tha ar là a’ fàs na ’s giorra; a’ bhibhuantachd a’ tighinn le cabhaig; tha ar beatha mar cheò; ach “mairidh focal an Tighearn’ gu bràth;” agus is e so am focal a tha leis an t-soisgeul air a shearmonachadh dhuinne. (1 Pead.i.25.) Tha gach ni a bhuineas do ’n duine ag atharrachadh; is iad nithean Dhé a mhàin nach atharraich. Tha sinn ann an saoghal a tha ’bàsachadh; tha tìr nan neobhàsmhor shuas. Tha an leanabh air a bhreth; fàsaidh an naoidhean ’n a ghille beag; an gille beag ’n a òganach; thig an t-òganach gu bhi ’n a dhuine; fàsaidh falt an duine liath, agus theid e sios fadheoidh do’n uaigh. Ach tha Dia beò. Cha-n fhaigh e bàs. Is esan, “An Rìgh siorruidh, neobhàsmhor,” “o bhibhuantachd gu bibhuantachd.” Agus January 1877. “The Everlasting Gospel.” [TD 46] [A’ BHLIADHNA UR, 1877. TD 2] tha a bhriathran coslach ris fhein, “neobhàsmhor:” theid neamh ’us talamb seachad, ach fanaidh iadsan. Cha-n atharraich a leabhar-sa, ni mo chailleas e ’oige agus a chumhachd. Tha “a shoisgeul-sa” bibhuan, “gun atharrachadh no sgàile pillidh.” Ri àm mòran tinneis ’us bàis, shuidh seann Chriosdaidh aig fhoir an teine le Biobul air a glùn, ’us iad ’toirt fios dith mu neach ’us neach a thugadh air falbh. Thainig am ministear aice d’a ionnsuidh, ’us dh’ fheuch e ri a misneach a thogail. Thubhairt i ris, “Tha iad ag innseadh dhomh gu bheil ’leithid so ’us ’leithid so a neach marbh; ach taing do Dhia cha d’ thàinig neach fhathast a dh’ innseadh gu bheil Criosd marbh.” B’ e sin a dòchas. Am measg dhaoine bàsmhor, dh’ iarr ise an Tighearn neobhàsmhor, agus fhuair i sòlas. Cha-n atharraich na neoil; is ann mar sin tha an soisgeul. Cha dhorchnaichear na reultan; is ann mar sin tha an soisgeul. Cha ghluaisear na beanntan; is ann mar sin tha an soisgeul. Cha-n atharraichear na speuran; is ann mar sin tha an soisgeul. Seadh, tha e na ’s neochaochlaidiche, na ’s bithbhuaine na beanntan ’us speuran, ’us grian ’us reultan. Is e glòir Dhé a ghlòir. Is e soilleireachd neimh a shoilleireachd. Tha e ’toirt soluis do anamaibh a bha, gus an d’ thug esan solus doibh, ’n an dubh dhorchadas, ’g an deanamh soilleir mar an là. Rinn e sin ’s na linnibh a dh’ fhalbh; tha e ’g a dheanamh fhathast; ni e so gus a’ chrìch. Is e soisgeul an t-soluis e, a’ toirt soluis leis, mar a’ ghrian. Tha an t-aon solus a dhealraich air auamaibh Abeil, agus Abrahaim, agus Mhaoise, agus Dhaibhidh, agus Phoil, agus Luther, agus Rutherford, agus MacCheine, a’ dealrachadh air ar sonne, ag iarraidh stigh a dh’ ionnsuidh cridhe a’ pheacaich a ’s duirche spiorad tha air an talamh. Is e soisgeul na sìthe e, a’ coimhead ’n a shoitheach neamhaidh, lànachd na sìthe airson a chridhe a ’s goirte. Fhuair an t-sìth sin, a’ sruthadh o eòlas air gràdh saor Dhé ann an Criosd, an t-slighe, aon uair, mar a tha sinn a’ leughadh, a stigh air dorsaibh priosain Romanaich, agus thug e fear-coimhid bochd a’ phriosain gu ’n d’ rinn e aoibhneas ri aghaidh crith-thalmhainn ’us dorchadais. B’ e “Creid anns an Tighearn Iosa Criosd,” a shuim air an oidhche bheannaichte ud; agus tha e ’tighinn gu priosanaibh agus lùchairtibh, gu bothanaibh agus tallaibh arda, leis an aon sgeul fhathast. Tha eachdraidh Hungaraidh ag innseadh sgeul mu bhuaidh an t-soisgeil nach ’eil neochoslach ris an sgeul mu fhear-coimhid a phriosain aig Philippi, agus mu Onesimus ’s an Roimh. Bha each aig Eoin Sapolia, prionnsa ainiochdmhor, olc, o cheann da cheud bliadhna, a bha ro mheasail aige; ghoirtich an gobha a chos a’ cur crudha air. Chuir am prionnsa e ann am priosan Bhuda, a’ bagradh, mur tigeadh an t-each troimh, gu ’n cuireadh e au duine gu bàs. Bha Debhaidh, searmonaiche mòr an t-soisgeil ann an Hungaraidh, duine creidmheach, eudmhor, air tighinn do ’n bhaile aig an àm. Chum toileachadh do naimhdibh an t-soisgeil chuir am prionnsa ’s a phriosan e. An sin bha e fhéin ’s an gobha cuideachd. Bha aobhar aig an dithis bhi fo eagal gu ’n rachadh an cur gu bàs ann am beagan laithibh. Bha Debhaidh gun eagal, gun aisitb, ach bha an gobha an trioblaid mhòir. Bha an Searmonaiche firinneach toilichte gu robh cothrom aige air “fuasgladh do na braighdibh, agus fosgladh a’ phriosain dhoibhsan a tha ceangailte,” a dheanamh aithnichte. Dh’ innis e do’n duine truagh mu ghràdh saor Dhé,—mu Iosa Criosd agus a làn fhoghainteas,—mu mhaitheanas saor ann,—mu ’n bheatha mhaireannaich air a tasgadh suas airson a’ pheacaich anns- an,—mu ’n t-sìth a tha ’tighinn o’ fhuil, ann an creidimh a mhàin air an deagh naigheachd a chuir Dia chum dhaoine. Ghabh am priosanach bochd ris an sgeul aoibhneach, agus fhuair e fois d’ a anam. Thàinig an t-each troimh, agus thainig ordugh o ’n righ [TD 47] [A’ BHLIADHNA UR, 1877. TD 3] an gobha leigeadh as. Ach cha robh e toileach, ni a chuir iongantas air fear-gleidhidh a’ phriosain. “Cha teid,” ars’ esa, “fanaidh mi; agus ma tha m’ fhear-teagaisg gu bàsachadh, gheibh mi bàs leis; is e a chreidimh mo chreidimh.” Chual’ an righ sud, agus olc ’us mar a bha e, ghabh e truas ris an neochiontach, agus dh’ àithne e an dithis a leigeadh as. Is e an t-aon soisgeul a th’ ann fhathast. Is e an soisgeul a bh’ ann o shean an soisgeul a th’ ann nis. Is e soisgeul na bliadhn’ a dh’ fhalbh soisgeul na bliadhna ’tha gu tighinn. Deagh naigheachd air fad! Naigheachd mhaith agus fhior, o Dhia fhéin, mu a ghràdh saor ann an Criosd; ni ma chreideas neach ann, nithear son’ e leis. Chuir duine a bha dlù do ’n bhàs airson caraid, a chionn gu robh eagal a’ bhàis air. “Tha mi dorch,” ars’ esa. Agus bha aobhar aige air a bhi dorcha, oir chaidh e fad air seacharan. “Tha mi dorch, ’us tha mi ’bàsachadh. Ciod a ni mi?” “Bhàsaich Iosa, agus dh’ éirich e rìs. Is e sin an teachdaireachd againne do ’n pheacach.” “Ach nach ’eil ni agamsa r’ a dheanamh?” ars’ an duine a bha ’bàsachadh. “Cha-n ’eil. Rinn Criosd uile e. Tha an obair a thearnas criochnaichte.” Dhùin e a dha shùil car tiotadh, agus thubhairt e gu sàmhach, “Tha an obair a thearnas criochnaichte.” An sin chaidh earrainn ’us earrainn a leughadh dha a thaobh an aon cheangail eadar am peacach agus obair an urrais ghlòrmhoir, Mac Dhé. “An neach a chreideas cha dìtear e;” “An neach a chreideas tha a’ bheatha mhaireannach aige.” “Ach ciod e a th’ agam r’ a chreidsinn?” “Is fior an ràdh so, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gu ’n d’ thàinig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a thearnadh pheacach.” A rìs dhùin e a shùilean, agus dh’ aithris e gu sàmhach. tri no ceithir a dh’ uairibh, “THAINIG IOSA CRIOSD DO ’N T-SAOGHAL A THEARNADH PHEACACH.” “Seadh,” ars’ a charaid, “thainig Criosd do ’n t-saoghal a thearnadh pheacach. Is fior an ràdh so, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris. Is i so an naigheachd mhaith a th’ againne dhuit.” “Tha mi ’g a fhaicinn,” ars’ esa, agus ghabh an t-sìth àite ’n a anam. Anns an t-sìth ud fhuair e bàs. Cha-n e th’ anns an t-soisgeul mata obair airson slainte. Tha e ag iomradh air obair a rinneadh le neach eile, o cheann iomadh linn, air ar son,—obair a tha cho eifeachdach an diugh ’s a bha i riamh. Is e a th’ ann obair a rinneadh le neach aig nach robh feum air obair ’s am bith a dheanamh air a shon féin, ach a thainig a dheanamh obair air ar sonne nach b’ urrainn sinn féin a dheanamh,—obair peacadh a ghiùlan airson a’ pheacaich, chum ’us gu ’n rachadh am peacach as. Oir is eudar gu ’n deanar an obair le neach eigin. Cha b’ urrainn sinn a deanamh. Is esan a mhàin a b’ urrainn. Rinn e i. Rinn e gu coimhlionta i. Rinn e i air chor ’us gu ’n do riaraich e esan a thubhairt m’ a thimchioll gu ’n robh “a mhòr-thlachd” ann. Rinn e aon uair e, air chor ’us nach ruig e leas a deanamh a rìs, a chionn ’us gu bheil i coimhlionta gu bràth. Co do ’m bheil an soisgeul siorruidh so gu bhi air a shearmonachadh? Do pheacaich; do chloinn bàsmhor Adhaimh, gun lethbhreth. Co an t-seorsa pheacach do ’n cuirear e. Na h-uile seorsa d’ am buin an t-ainm, oir thainig Mac an duine a shireadh ’s a thearnadh an ni sin a bha caillte. Am bheil feadhain ’s am bith air an ainmeachadh? Tha; “ceann-feadhna nam peacach” (1 Tim. i. 15.). Feadhain ’s am bith eile? Tha; an dream a tha “fo throm uallach.” (Matt. xi. 28.) Feadhain ’s am bith eile? Tha; an dream aig am bheil “am peacaidhean mar sgarlaid agus dearg mar chorcur.”(Isa. i. 18.) Feadhain ’s am bith eile? Tha; an dream “aig am bheil cridhe [TD 48] [A’ BHLIADHNA UR, 1877 TD 4] rag, agus fad as o fhireantachd.” (Isa. xlvi. 12.) Feadhain ’s am bith eile? Tha; an dream “tha a’ caitheamh an airgid airson ni nach aran, agus an saothair airson ni nach sàsuich.” (Isa. lv. 2.) Feadhain ’s am bith eile? Tha; an dream “aig nach ’eil airgiod.” (Isa. lv. 1.) Feadhain ’s am bith eile? Tha; an dream a tha dall agus bodhar. (Isa. xlii. 1.) D’ an ionnsuidh sin tha an “fhuaim aoibhneach”a’ tighinn. Tha Dia ’cur a theachdaireachd gràidh fhéin d’ an ionnsuidh, agus ag innseadh mu “shaoibhreas ro mhòr a ghràis,” a “chaoimhneasan - gràidh, agus a thròcairean caomha.” Tha e ’g an cuireadh sin; tha e ag radh, “Pillibh, pillibh, oir c’ uime ’bhàsaicheadh sibh?” Cha-n e obair ghoirt, leanmhuinneach, gus am bheil am peacach air a ghairm chum tearnaidh. Is e ’th ’ann, “Dh’ iarradh tu—agus bheireadh esan duit.” (Eoin iv. 10.) Is e th’ ann, “Creid agus teàrnar thu.” Is e obair Chriosd agus cha-n e obair againn air am bheil an soisgeul a’ labhairt. Is e an “naigheachd aoibhneach” gu bheil an obair ud deas ’us nach iarr i a deanamh rìs. Is e eòlas air obair a chroinnceusaidh a’ bheatha mhaireannach. Is e an soisgeul siorruidh so beatha chloinn nan daoine; oir tha gràdh Dhé ann mar shoitheach làn uisge bheò; agus an neach a dh’ òlas sàsuichear e. A dh’ easbhuidh air an t-soisgeul, cha-n urrainn aoibhneas bhi aig a’ pheacach. Is e diùltadh an t-soisgeil, diùltadh an aoibhneis. Agus cha leigheas ni air thalamh sin. Thubhairt am bàrd mòr Gearmailteach, a fhuair tomhas cho mòr de dh’ onoir an t-saoghail, nach bu chuimhne leis riamh aon uair de dh’ fhior shonas a bhi aige. Ann an eachdraidh beatha Morair Macaulaidh, tha e air iomradh gu ’n d’ thubhairt e mar so: “Tha mi ro thruagh. Ach tha mi a’ sgriobhadh ’s a’ leughadh, agus mar sin a’ diochuimhneachadh mothruaighe car ùine. Is ro ghoirt leam an dealachadh so—bhi cho fad a’ blasad air an fhion gheur.” Bha na h-uile ni aig an dithis ud a b’ urrainn an saoghal thoirt doibh,—ach bha iad truagh. Cha robh solus crann-ceusaidh Chriosd air éiridh air an anam. Bha iad ag iarraidh sonais an àite eile, agus cha d’ f’huair iad e. Tha aon earrainn ro dhruidhteach ’s an eachdraidh-beatha thlachdmhor ud: “Tha na h-uile ni tha mi a’ deanamh leis an dreach ud air, gur e so an uair mu dheireadh a ni mi e; a dh’ aithghearr thig mu dheireadh ann am fìrinn.” Nach ’eil searmoin anns na briathraibh ud—searmoin airson na bliadhu’ ùir—teachdaireachd do na h-uile leughadair againne-earail do shaogal gun chùram? Cha-n fhad a bhitheas tri fichead bliadhna ’s a deich a’ falbh—aon chuid am measg bhochduinn no bheartais, onoir no easonoir, ’us cha-n ’eil mòran eadar-dhealachaidh ann ’n uair theid sinn stigh do ’n bhibhuantachd. Ciod e bhitheas anns an aisig ud duinne? “Tha mo chosan air Carraig nan Al” is e thubhairt ministear diadhaidh ri h-uchd bàis. Bu shon’ e. Cha ghluais a’ charraig ’ud. Agus ma their neach “Ciamar a ruigeas mise a’ charraig ud?” Their mise, “Creid anns an Tighearn Iosa Criosd;” gabh ri teisteas an Athar mu ’n Mhac. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 49] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS AN EARRAICH, 1877. AN SEANN SEOLADAIR; NEACH “A RUGADH ’N UAIR BHA E AOSDA.” [Dealbh] THA e air a ràdh gur ainmig a bheirear neach gu Criosd an deireadh a latha. Ach chum fheuchainn nach ruigear a leas bhi an eudòchas a thaobh neach air bith (ged nach buin dhuinn dànadas a bhi againn), tha muinntir aosda air amaibh air an toirt gu bhi a’ suidhe aig cosaibh Chriosd mar chlann bheag, agus chum foghlum uaithe. Tha a’ chraobh mhi-tharbhach, a bha fad a’ fàsachadh na talmhainn, a’ toirt a mach toraidh ’n a sean aois, chum gloir ’us cliù Dhé. (Mat. xi. 29; Luc. xiii. 6-9.) Is ann mar sin bha seann seòladair, D. U. Bha e a’ chòmhnuidh ann an sràid cumhann, beag, ann an àite bochd ann am baile-iasgaich air am bheil G——. Bha e fada ’s a chhabhlaich rioghail, agus b’abhaisd da innseadh gun sgur mu ’n uair ’s an robh e ’s an long-chogaidh a thug Napoleon gu St. Helena. ’N uair a chunnaic mise an toiseach February 1877 “The Old Sailor.” [TD 50] [CEUD MHIOS AN EARRAICH, 1877. TD 2] e, bha e mu cheithir fichead bliadhna dh’ aois. Bha ’fhalt air fàs geal, agus bha e an ire mhaith dall, gun chomas dol timchioll gun neach ’ga sheòladh. Bha ceangal agam ris, agus gu h-àraidh ’n uair a thuig mi, ged a bha mòran aige mu Napoleon mòr agus na chunnaic e dheth, gu ’n robh e tur aineolach air ceannard ’bu mhò na esan, eadhon anTighearn Iosa Criosd, an neach aig an “d’oibrich a dheas làmh agus a ghairdean naomh slàinte dha.” (Salm xcviii. 1; Col. ii. 15.) Bu mhuladach bhi’ faicinn gu ’n robh D. U. fad cheithir fìchead bliadhna beò gun dòchas, agus “gun Dia ’s an t-saoghal.” (Eph. ii. 12.) Dh’aicheadh e gu’ n robh earbsa ’s am bith aige as a’ Bhiobull mar fhocal Dhé, gun eagal no nàire. Chunnaic mi nach ann o fhior fhiosrachadh bha a chuid michreidimh. Is e bh’ ann michreidimh truagh a’ chridhe,’us cha-n e a’ chinn, a tha ro ghnathaichte am measg luchd-oibre an cuid a dh’ àitibh, an uair a thachaireas iad ann an tighibh-osda ’us eile, agus leis am bheil iad gu tric a’ truailleadh a chéile. Thubhairt fear de ’n luchd-oibre ud aon uair riumsa, air dhuinn còmhradh bhi againn mu dhearbhachd air fìrinn an t-Soisgeil, “Tha mòran na ’s mo ri ràdh air taobh fìrinn a’ Bhiobuill na shaoil leamsa. Cha bhi sinn a tha ’n ar luchd-oibre gu tric ach a’ cluinntinn aon taobh de’ n cheist; agus bu mhaith na ’m bitheadh ’ur leithid-sa ’dol ’n am measg, a thoirt doibh an taobh eile a chluinntinn cuideachd. Cha bhitheadh luchd an anacreidimh cho pailt nan tachaireadh sin.” Le cuid ’us cuid fhuair mi cluas ’us earbsa an t-seann seoladair. Gheall e gu ’m frithealadh e ann an àite a fhuair mi airson coinnimhean chum an Sgriobtuir a leughadh agus a mhìneachadh, nan rachainn air a shon. Cha robh dad a bhlàthas ’s a ghealladh, agus bha mi an amharus an deanadh e mar a thubhairt e; ach an uair a tha Dia ag oibreachadh bheir e na cip-tuislidh air falbh. (Sech. iv. 6, 7.) Air a’ cheud Sàbaid, ghairm mi air tràth. Bu mhaith gu ’n d’ rinn, oir cha robh ullachadh ’s am bith ’g a dheanamh airson dol a mach. Le bhi ’cur an aghaidh a leithsgeil gu ’n robh e nis ro fhadalach, agus le bhi cur a ghealladh ’n a chuimhne, thug mi air gu ’n deachaidh e leam. B’ àm beannachaidh e; agus mar a labhair mi mu ’n neach “a thainig a shireadh agus a thearnadh an ni sin a bha caillte,” (Luc. xix. 10,) agus “anam fhéin a thoirt mar éiric air son mhòran,” (Matt. xx. 28,) bha cridhe D. U. air fhosgladh, mar chridhe Lidia, “chum aire a thoirt do na nithibh sin a labhradh le Pol.” (Gniomh. xvi. 14). Chaidh cuid de ghathaibh gréine na fìreantachd stigh chum an anama dhorcha, ged nach d’ ràinig an làn sholus air gu beagan seachduinean an deigh sud. Mar an duine dall a dh’fhairich làmh chaomh Chriosd, cha n fhac e fhathast ach “daoine mar chraobhan ag imeachd.” (Marc viii. 24.) Air an ath Shàbaid, ged a bha e moch, fhuair mi aig an dorus e, ullamh agus a’ feitheamh; agus ’n uair a thubhairt mi gu ’n robh mi toilichte ’fhaicinn, thubhairt e, “Bha eagal orm gu ’n rachainn as ’ur cuimhne.” Air an ath Shabaid a rìs, bha e cho miannach a bhi ’làthair nach d’fhuirich e rium. Thug e sgillinn do leanabh a thug do ’n àite e. O so a mach bu duine eile e. “Ma tha duine air bith an Criosd is creatuir nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, tha na h-uile nithean air fàs nuadh,” (2 Cor. v. 17). Bha na focail ud air an dearbhadh gu soilleir anns an t-seann seòladair. Dh’ fhairich e fhéin e. “Mar a bhitheas mi a’ suidhe,” ars’ esan, “agus a’ smuaineachadh air mar a theàruinn Dia mo bheatha gu tric o chunnart, agus mar a bha e cinnteach aig an àm, nan do bhàsaich mi gn ’n robh mi caillte gu siorruidh, tha mi a’ toirt buidheachais dha airson a mhaitheis mhòir. Agus an uair a smuainicheas mi air mo pheacaidhean, agus an anacaitheamh a rinn mi air mo là, [TD 51] [CEUD MHIOS AN EARRAICH, 1877. TD 3] cha-n urrainn mi ach dol mar am Mac stroigheil a dh’ ionnsuidh m’ Athar neamhaidh, agus iarraidh uaithesan, gu ’m maitheadh e mo lochd, agus gu ’n tearnadh e m’ anam air sgàth a Mhic ghlormhoir.” Dh’fhairich an seann duine cumhachd athbeothachaidh an Spioraid Naoimh, agus rinneadh e ’n a chuspar aoibhneis do na h-ainglibh. (Eph. ii. 1; Luc. xv. 10). Bha an t-atharrachadh soilleir do chàch mar an ceudna. Dh’ fhoighnich caraid diadhaidh, ris an d’ thubhairt e gu tric, “Ciod e am maith dhomhsa dhol a dh’ éisdeachd searmoin? Cha chluinn mi ach an ni a ’s aithne dhomh mar tha,” dheth, carson a bha e’ dol ann cho riaghailteach. Thubhairt e “Is aithne dhomh na ’s fhearr a nis, agus cha ghabhainn mòran agus tigh an Tighearn’ a sheachnadh. Is ann an sin a dh’ fhoghluim mi gur peacach mòr mi, agus gur glòrmhor an slànuidhear Criosd.” Fo sheòladh an Spioraid, cha robh e na b’ fhaide am measg na muinntir a leig dhiubh iad fhéin a chruinneachadh an ceann a’ chéile, ach is ann a lean e iadsan a mheas là air a chaitheamh ann an tigh Dhé na ’s fearr na mìle. (Eabh. x. 25; Salm lxxxiv. 10.) Aithnichear an neach a chaidh aithbhreith air a thoradh. Chunnacas toradh air D. U., mar a b’ aithne do na coimhearsnaich. Thubhairt aon dhiubh sin, “Roimhe so dheanadh e mionnan, ach o ’n uair ud cha tig focal mionnain as a bheul. Bha e aig an àm cheudna goirid, crosda; is beag an ni a chuireadh fearg air; ach cha-n ’eil e mar sin nis, agus is soilleir dhuinn uile an t-atharrachadh.” Tha e air a ràdh mu Mhr. Eoin Neuton diadhaidh, gu ’n deachaidh aon uair fhoighneachd dheth mu neach àraidh, an robh e ’n a Chriosdaidh. Thubhairt e, “Cha robh mise riamh a’ fuireach ’n a thigh.” Ach is e thubhairt iad mu’n t-seann duine ud,gu’n robh “an fheadhain a bha fuireach ’n a thigh,” a’ faicinn cumhachd gràis Dhé ’n a bheatha ’s na chonaltradh. O an àm ud gus an d’ fhàg mise an t-àite, beagan miosan ’na dhéigh,chunnaic mi D. U. gu tric, agus b’ aoibhneach a bhi ’faicinn a ghràdh do Chriosd, ’umhlachd d’ a àithne, agus ’fhàs ann an gràs. Cha robh mise cuìde ris ’n a uair dheireannaich air an talamh,ach thubhairt a’ mhuinntir a bha, gu ’n do “chum e toiseach a mhuinghin gu daingean gus a chrioch.” (Eabh. iii. 14.) Agus bha a’ chrioch ’na sìth. Bha trioblaid air beagan laithean, agus dh’ fhalbh e dh’ ionnsuidh làthaireachd an Tighearna. Thainig turus na beatha, trid gràìs Dhe, gu criochnachadh ann a:— “Chur sàbhailt stigh air tràigh na sìth, Far am bheil na naoimh, ’us far am bi.” Gabhadh an Criosdaidh misneach o ’n eachdraidh bhig so ann a shaothair chum anaman a theàrnadh. Cha-n ’eil am peacach a ’s mò gu bhi air a dhearmad. Faodaidh an fheadhain a ’s fhaide as a tha o Dhia bhi air an toirt dlù, agus a bhi air an deanamh ’n an oighreachan air Dia, ’us ’n an comh-oighreachan maille ri Criosd. (Eph. ii. 13; Rom. viii. 17.) Cha mhòr neach bha n’ as fhaide as na ’n seann seòladair. Ach thug gràs buaidh. Agus co a ’s urrainn crioch a chur roimh ’n chumhachd aigesan gu tearnadh? Am bheil ni air bith ro chruaidh do’n Tighearn?” Cuireamaid air an aobhar sin, ri taobh nan uile uisgeachan. Tha Criosd comasach air a bhi ’tearnadh gu h-iomlan an dream sin uile a thig a dh’ ionnsuidh Dhé tridsan. (Eabh. vii. 25.) Earbaibh as a’ ghealladh, “Na gabhaibh sgios de mhaith a dheanamh, oir ann an àm iomchuidh buainidh sibh mur fannaich sibh.” (Gal. vi. 9.) Agus bithibh cinnteach, ged a dh’ fhaodas sibh cuide dh’ uairibh “dol a mach a’ gal, a’ giùlan roghadh sìl,” gu ’n tig sibh rìs “le gairdeachas ag iomchar sguab.” (Salm cxxvi. 6.) Faodaidh an eachdraidh bheag so coinneachadh ris an aosmhor. Am bheil an ceann liath air slighe na fìreantachd? Am bheil sibh ag earb- [TD 52] [CEUD MHIOS AN EARRAICH, 1877. TD 4] sadh à Criosd, a’ gràdhachadh agus a’ leantuinn Chriosd? Ma tha, is maith. Ag abachadh airson glòire, mar a bha Simeon, siùbhlaidh sibh a dh’aithghearr ann an sìth, agus chi ’ur sùilean an Righ ’n a mhaise. “Beagan uine, ’us gheibh sibh an sin Aisig glòrmhor stigh do neamh. Teichidh uaithe gach bròn ’us deur Us gheibh sibh flaitheanas mar shealbh.” Am bheil thu aosmhor, agus gun tearnadh? Cor bochd—ach tha dòchas ann. Faodaidh an là bhi faisg air a’ chrioch. Ach tha dòchas ann—ach a mhàin an Criosd, far an d’ fhuair an seann seoladair fois. Na dean moille—dean cabhaig—greas chum Chriosd. Is e a mhàin a ’s urrainn do pheacadh a ghlanadh as le ’fhuil. Is e a mhàin a ’s urrainn do chridhe ’athnuadhachadh le a Spiorad, agus d’ anam ’ullachadh air son gloire. Rach d’ a ionnsuidh a nis, AIR BALL. Abair ris, ma thearuinn e D. U. gur urrainn e thusa ’thearnadh—eadhon thusa. Iarraibh agus gheibh sibh. “An neach a thig do ’m ionnsuidh, cha tilg mi air chor ’s am bith a mach e.” (Luc. ix. 9; Eoin vi. 37.) Theagamh gu bheil thu òg. Am bheil thu tearuinte an Criosd? Ma tha, fan dlù dha. Bithidh e ’n a fhear-stiùraidh d’ òige, ’n a neart ’n ad mheadhon-latha, ’n a shòlas ri àm do shean aoise, agus ’n a aoibhneas dhuit gu bràth. Oir far am bi esan, bithidh a sheirbhisich an sin. (Eoin xii. 26; Tais. xxii. 3.) Mur ’eil thu an Criosd, na leig le Sàtan no le ’d chridhe fhéin do chumail gun chùram mu do chor truagh—a’ feitheamh airson àm na ’s freagarraiche, nach tig am feasd. Bha mi uair cuìde ri màthair mhuladaich, laimh ri ciste a nighinn mhairbh, a bha cuig bliadhna deug a dh’ aois, agus thubhairt a’ mhàthair bhochd ud, “Cha-n e a bàs a tha goirt leam, ach fhad ’s is fìosrach mi, nach robh i ullaichte airson a’ bhàis. Is minig a theireadh i, ‘Tha mì òg; tha ùine gu leòr agam airson gnothuich m’ anama;’ ach thainig am fiabhrus, thréig a tonuisg i, agus ann am beagan laithean chaochail i.” Bàs gun dòchas—nach eagallach sin! Smuainich air na tha e a’ filleadh ann. Na bi ag earbsadh á tròcair ’fhaotainn an deigh so; ach a nis, ’s an là thaitneach so, an là na slàinte so (2 Cor. vi. 2)—“thig gu Criosd fhad ’s a dh’ fhaodas tu; thoir do chridhe dha, agus gabh fois agus sonas gu bràth. “O mheadhon saoghail fheallsa, Far nach ’eil ach bàs ’us truaigh, ’Us far am bheil mealladh mòr, ’Toirt pheacach ghnàth fo bhuaidh; Tha Criosd ag eigheach, éisd r’ a ghlaodh, Dean roghainn moch d’ a ghràdh ro chaomh. “Mar dhion ’us iùil ri ’d bheò, Mar neart us taic ’n ad bhàs, Cumaidh e thu r ’a thaobh ’S cha phill e uait gu bràth; Tha Criosd ag éigheach, O eisd r’ a ghlaodh, Dean roghainn sior d’ a ghràdh ro chaomh.” “Fhreagair Iosa agus thubhairt e rìs, Gu deimhin deimhin tha mi ag ràdh riut mur beirear duine rìs, nach urrainn e rioghachd Dhé fhaicinn. Thubhairt Nicodemus ris, Cionnus is urrainn duine bhi air a bhreith ’n uair a tha e aosda? Am bheil e comasach air dol a stigh an dara uair do bhroinn a mhàthar, agus a bhi air a bhreith? Fhreagair Iosa, Gu deimhin deimhin tha mi ag ràdh riut, mur bi duine air a bhreith o uisge, agus o ’n Spiorad, cha-n urrainn e dol a steach do rioghachd Dhé.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas. ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB. PRINTERS, EDINBURGH. [TD 53] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS MAIRT, 1877. CAR CLI MU DHEIREADH. [Dealbh] B’ AITHNE dhomh fear-ceirde òg ann am baile mo bhreithe, arsa ministear an taobh deas Shasuinn, a bha comharraichte mar fhear-oibre, agus ann an riaghladh gnothuich, Bha e tuigseach, agus labhradh e gu maith. “O bha e ’n a leanabh, b’ aithne dha na Sgriobtuirean naomha;” agus bha e deas gu uaill a dheanamh as an eòlas aige air a’ Bhiobull, agus a chomas air a bhi ’labhairt mu ’n t-searmoin. Bha ’leithid a mheas air gu robh na cairdean og’, aoibhinn aige, deigheal air a chuideachd; agus an ceann ùine ghoirid, bhitheadh e ’cur seachad na h-oidhche leo ’s an tigh-osda. B’ aithne dha an ni bha ceart, oir bha parantan diadhaidh aige, agus chunnaic e deagh eisempleir aig a’ bhaile, agus meas ’g a chur air tigh an Tighearna. Thainig an tigh-òsda gu bhi ’n a ribe dha, agus ’n a bhriseadh cridhe do ’n bhean òg, eireachdail aige, oir bha e pòsda. Bha March 1877. “A Wrong Turn at Last.” [TD 54] [MIOS MAIRT, 1877. TD 2] an doigh aige, cuide ri sin, ’g a tharruing gu cleachdadh a bha ’milleadh a shlàinte, agus ’cur a ghnothuich troimh chéile. Tha aobhar a bhi ’creidsinn gu ’n do bhuin an fhìrinn, ris an d’ éisd e gach sàbaid, gu mòr ris air amaibh; “oir tha focal Dhé beò agus cumhachdach, agus na ’s geire na claidheamh da fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon chum eadarsgaraidh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breth air smuaintibh agus rùnaibh a’ chridhe.” (Eabh. iv. 12.) Agus co a ’s urrainn innseadh ciod an gleachd a rinn an Spiorad Naomh ris mar fhreagradh do ùrnuidh a phàrantan diadhaidh? Oir nach ’eil e ’tachairt gu tric ’n.uair.a dh’ iarradh sinne “’ruith maille riu anns an neomheasarrachd cheudna,” gu bheil bacadh air a chur oirrne le làimh neofhaicsinnich? Ach bha an làmh fholuichte ud oirrne, faodaidh bhi, an uair a bha Dia ag éisdeachd ri ùrnuidh caraid air ar son. Is e an t-siorruidheachd a dh’ fheuchas na fiachan fo ’m bheil sinn do ùrnuidhibh chairdean a bha na ’s cuimhniche oirrne na bha sinn féin. Bha aon charaid aig an duine òg ud a bha air a ghluasad gu mòr le a chor. Rinn e ùrnuidh air a shon, agus ghabh e gach cothrom air iompaidh a chur air, na buairidhean ud a sheachnadh, agus na companaich troimh ’n robh iad a’ tighinn. Dh’fheuch e dha gur e gràs a mhàin a bheireadh cumhachd dha an aghaidh an uilc, do ’n robh e an cunnart géilleadh; gu ’n robh uaithe an aon doigh teichidh a leantuinn, eadhon thighinn a dh’ ionnsuidh Chriosd, neach a chaidh a bhuaireadh ged a bha e as eugmhais peacaidh, agus air da fulang airson peacaidh “tha comasach air an dream a thig a dh’ ionnsuidh Dhé tridsan a thearnadh gu h-iomlan.” (Eabh. vii. 25.) Bha cridhe an duine òige air a leaghadh, agus gheall e comhairle a charaid a ghabhail. Bha e gealltuinneach car ùine. Ach dh’ fhalbh aobhar an dòchais. Thuit e rìs ’s an ribe; agus mar gu ’n cuireadh e uaithe na h-uile smuain ’us faireachadh a bh’ ann, thilg e e fhéin a rìs ann an slochd an anamiann, agus na toilintinn feolmhoir. Thug a charaid oidhirp eile. Ghuidh e dheth gu ’n smuainicheadh e air gu ’n robh e, gach uair a bha e a’ geilleadh do ’n olc, ’g a dheanamh na ’s cruaidhe dha fhéin pilltinn uaithe; agus le bhi ’leantuinn an ni a bha fhios aige a bhi clì gu ’n robh e ’g a cheangal fhéin ris an olc, agus le cuid ’us cuid, gu’m faigheadh e greim air nach gabhadh a lasachadh gu bràth. Labhair e ris m’ a bhean ’us a chloinn, agus dh’ fheuch e dha mar a bheireadh e, le seasamh duineal, foghainteach, an aghaidh an uilc, saorsainn mhòr da fhéin, agus socair ’us sàsuchadh do na cairdibh ’bu dlùithe dha. Thar na h-uile ni, chathaich e air na fiachan fo ’n robh e do Chriosd, an neach a thubhairt, “Esan a thig do ’m ionnsuidh cha tilg mi air chor ’s am bith a mach e.” “Thigibh do ’m ionnsuidh, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.” (Eoin vi. 37; Mat. xi. 28.) Aon uair eile dh’ aidich e a ghòraich, agus bha e cosmhuil ris an neach a thubhairt, “Chnuasaich mi mo shlighean, agus phill mi mo chosan ri do theisteis.” (Salm cxix. 59.) Ach, mo chreach! aon uair eile bha a “mhaitheas mar neul maidne, agus mar an driùchd moch,” shiubhail e air falbh. Ann an créidimh agus foighidin ghabh a charaid cothrom eile, ’n uair a fhuair e a’ fulang e o mhi-stuamachd m’ oidhche, agus chronaich e e, a’ labhairt r’ a choguis agus r’ a chridhe. Bha e soilleir nis gu ’n robh e an cunnart a shlàinte, eadhon a bheatha a chall. Chuige so cha do threig e tigh an Tighearna, ni mo bha e gun fhaireachadh fo an fhocal. Ghuidh a charaid air thighinn a dh’ ionnsuidh an aon dhion, agus leig e ris a chunnart ann am bhi ’fuireach fad as o Chriosd. Is ann a chleachd e briathran an abstoil ris an òganach lèis an eagal [TD 55] [MIOS MAIRT, 1877. TD 3] a bh’ air, “Tha cuid mhòr de ’n oidhche air dol seachad. Tha an là am fagus; uime sin cuireamaid dhinn oibre an dorchadais, agus cuireamaid umainn armachd an t-soluis. Gluaiseamaid gu cubhaidh mar anns an là; cha-n ann an ruidhteireachd agus am misg, no an seomraidearachd agus am macnus, no an aisith agus am farmad. Ach cuiribh umaibh an Tighearn Iosa Criosd, agus na deanaibh ulluchadh airson na feòla, chum a h-anamiannan a choimhlionadh.” (Rom. xiii. 12-14.) Tha “do chaithe-beatha air tighinn gu bhi ’n a ‘oidhche’ a rìreadh; agus is e mo bharail mu d’ thimchiollsa gu bheil ‘a’ chuid mhòr dhi air dol seachad, agus gu bheil an là am fagus.’ Tha an t-siorruidheachd faisg ort; agus cha-n ’eil ùine agad r’a chall. Is e do ghliocas comhairle an abstoil a ghabhail, agus ‘oibre an dorchadais a chur dhiot.’ Is aithne dhuit ciod iad. ‘Is e so an dìteadh, gu ’n d’ thainig an solus chum an t-saoghail, agus gu ’n do ghràdhaich daoine an dorchadas na ’s mò na ’n solus, a chionn gu bheil an gniomharan olc’ (Eoin iii. 19.) Tha do choguis ag innseadh dhuit ciod e na gniomharan a bh’agadsa; ach gabh mo chomhairle ’us cuir uait iad. Is éigin gu ’n deanar so trid gràis Chriosd. Leig dhiot iad ’n a neart-sa: cha-n fhoghainn do neart féin. Iarr saorsainn ’n a ainm-sa troimh ’fhuil; agus earb as a mhàin airson sìth, maitheanais, agus cumhachd an aghaidh peacaidh. Agus cuimhnich, ma tha ‘slàinte na ’s dlùithe nis’ do ’n Chriosdaidh na ’n uair ‘a chreid e air tùs,’ gu ’m faod dìteadh iomlan a bhi na ’s fhaisge ortsa! Cia faisg? Eisd rium! Eisd ri gairm an Spioraid! Eisd ri cuireadh Chriosd, ‘Thig do ’m ionnsuidhse,’ tha e ag ràdh ‘Thig a nis.’” Bha buaidh aig na briathraibh ud air car ùine, agus thréig e na h-àitean- cruinneachaidh aige, agus na droch companaich; agus bu tlachdmhor le a theaghlach gu’ n robh e nis a’ fuireach aig an tigh m’ oidhche. Bha e soilleir gu ’n robh e ’toirt oidhirp air e fhéin a sgaradh o na companaich agus na cleachdaidhean a bha ’g a mhilleadh, ach cha robh comharradh air gu’ n robh e ’tighinn gu Criosd mar fhear-saoraidh, chum gu ’m faigheadh e an cumhachd a chumadh o ’n pheacadh e. Chaidh innseadh dha nach robh dion ann da ach gu ’n tugadh e a chridhe do Chriosd, agus nach robh ann ach fior ghràdh do Chriosd a choimheadadh e o eucoir agus anamiann a bhi a’ riaghladh ann. Bha e air innseadh dha cuideachd gu ’m b’ fheairrde e na ’a gabhadh e’ àite gu fearail, foghainteach, am measg na muinntir a bha ’deanamh aideachadh air Criosd, Cha d’ thubhairt e a thaobh sin ach gu ’n “smuainicheadh e air.” Choinnich e fhéin ’us a charaid là, agus thubhairt an caraid ris, “Tha mise ’dol a dh’ionnsuidh coinnimh-ùrnuidh agus colabhairt: an teid thu ann? Cuiridh tu eòlas air cuid a’ s fheairrde thu aithneachadh mar Chriosdaidhean. An teid thu ann?” “Theid,” ars’ esan. “Thig thugamsa mata aig seachd uairean, agus theid sinn ann cuideachd?” “Thig,” ars’ esa, “bithidh mi agaibh aig seachd.” Ach thainig seachd, ’us cha d’ thainig esan. Chaidh an ùine seachad. Cha b’ urrainn an caraid fuireach, agus chaidh e do ’n choinnimh leis fhéin. Bha a choinnimh thairis, phill e dha-thigh, ach cha robh focal mu’n òganach. Chaidh an oidhche seachad. Thainig an là, agus leis thainig fios gu ’n robh corp marbh an duine bhochd air a ghiùlan dhathigh a dh’ ionnsuidh tigh fhàs an neach a bha nis ’n a banntraich òige. Cha robh ach an corp marbh, fuar, ud nis r’ a fhaotainn de neach a bha a’ gealltainn, beagan roimh sud, gu’n leanadh e an dream “air an robh eagal an Tighearna.” C’ aite an. robh e? O, nan do chum e a ghealladh! Ach mo thruaighe! is ann a fhuaireadh gu ’n d’ fhàg e an tigh beagan roimh sheachd uairean, mar a ’s coslaiche gu dol an coinnimh a charaid, ach ann am mionaid bhuaireadh e gu car clì a chur dheth, agus chaidh e stigh do thigh-òil an àite dhol do ’n choinnimh [TD 56] [MIOS MAIRT, 1877. TD 4] ùrnuidh. Dh’ fhuirich e fad ann, agus air an t-slighe dhathigh chaidh e, aon chuid leis a’ mhisg no leis an dorchadas, as an rathad, thuit e thar balla ’s an uisge, agus bhàthadh e! Dh’ fhalbh e, ach c’àite an deachaidh e? Cha robh guth ann a dh’ innseadh! Bha am bàs ’s an doimhne mhòir. Cha robh comharradh ann gus an “dh’ thug an fhairge seachad a mairbh” ’n uair a thainig a’ mhaduinn. Co leis am maith gu ’n tigeadh crioch a là fhéin mar sin? Am maith leatsa? Co a dh’ iarradh gu ’n tigeadh crioch a latha an dorchadas, agus gu ’m fàgadh e an saoghal le a chuimhne fo sgàil amharuis agus eudochais? An iarradh tusa? Cha-n iarradh! Cha-n ’eil neach air bith a rùnachadh sin a deanamh! Cha do rùnaich an t-òganach ud e. Tha sinn uile ’cur romhainn an saoghal ’fhàgail gu h-eireachdail? ach am bheil sinn beò gu h-eireachdail? Am bheil thu ag ullachadh airson na criche? Oh, a charaid, thusa a leughas an eachdraidh mhuladach so, am bheil thu coslach ris an duine òg, thruagh ud,—le eòlas air a’ mhaith, agus a’ deanamh an uilc? An e do rùn a ghnàth bhi ’n ad Chriosdaidh,—a’ cur romhad car ceart a chur dhiot mu dheireadh? Ciod e an cinnteas a th’ agad gu’ n tachair sin, agus thu a’ sior dhearmad Chriosd, agus a “shlàinte mhòir?” An robh thu ’n ad chuspar ùrnuidh? An robh deagh eisempleir air a chur romhad an laithibh d’ òige? An robh comhairle chaoimhneil agad maith a dheanamh, le impidh agus earail? Agus an do thaisich thu air amaibh, agus an do rùnaich thu bhi beò do Chriosd? Agus gidheadh, an d’ fhan thu mar a bha thu? Agus mur robh na sochairean ud agad, nach robh guth idir a’ labhairt riut airson do mhaith?—guth na fìrinn?—no guth do chognis?—no “guth caol ciùin” an Spioraid?—no guth o Iosa a bhàsaich chum gu ’m bitheadh tu beò, agus a tha nis beò chum eadarghuidhe a dheanamh air do shon? Agus an deigh sin uile, nach do chuir thu car ceart dhiot fhathasd? Ach le boidean air do bhilibh sin a dheanamh, an ann a’ fàs na ’s miosa a tha thu? O, mo charaid, cia dlù ’s a tha a’ chrioch! Eisd riusan aig am bheil gràdh dhuit! Is léir dhoibhsan ni nach léir dhuit fhéin, do chunnart mòr! Tha eagal orra gu ’n dearbh thusa mar a rinn cuid eile cho fìor ’s a tha briathran an duine ghlice, “Am fear a- chronaichear gu minig, gidheadh a chruaidhicheas a mhuineal, sgriosar e gu h-obann, agus sin gun leigheas.” (Gnath. xxix. 1.) Cia tric ’s a fhuair thu comhairle, cronachadh, impidh, teagasg, agus earail! Aon uair eile tha Iosa a’ gairm. Faodaidh sgrios obann tighinn a rìs! Agus am fuiling thu gur e bhitheas aig do Shlànuidhear ri ràdh, “A chionn gu ’n do ghairm mi agus gu ’n do dhùilt sibhse, gu ’n do shìn mi mach mo làmh, agus nach d’ thug duine ’s am bith an aire; ach gu ’n do chuir sibh an neo-bhrigh m’ uile chomhairle, agus nach b’ aill leibh a’ bheag de ’m achmhasan; ni mise mar an ceudna gàire ri ’ur sgrios-sa, ni mi fanoid ’n uair a thig ’ur n-eagal; an uair a thig ’ur n-eagal mar fhàsachadh, agus a thig ’ur léir-sgrios oirbh mar ioma-ghaoith.” (Gnàth. i. 24-27.) Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB,PRINTERS, EDINBURGH. [TD 57] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1877. GEILLEADH GUN CHUMHA. “Uime sin ùmhlaichibh sibh féin do Dhia.”—Seum. iv. 7. [Dealbh] “UIME sin ùmhlaichibh sibh féin do Dhia.” B’ àbhaist do na Romanaich a ràdh gu ’m b’ e doigh na tìr’ acasan a’ mhuinntir cheannsaichte a chaomhnadh, ach cogadh a ghnàth ris na h-uaibhrich. Is ann mar sin ni an Tighearn. Tilgidh e a shaighdean air a’ mhuinntir ard, agus tionndaidhidh e faobhar a chlaidheimh ris a’ mhuinntir rag; ach ’n uair a chi e neul géillidh air daoinibh, gabhaidh e truas air ball, agus trid Chriosd maithidh e an eucoir gu tròcaireach. I. DO PHOBULL DHE. “Umhlaichibh sibh féin do Dhia.” Is e ’ur Dia, ’ur n-Athair, ’ur Caraid: géillibh dha. Ciod e a ’s ciall do so? Is e a ’s ciall da, an toiseach, Cleachdaibh iorasalachd. A bhraithre ’s a pheathraiche, gabhamaid ar n-àite dligheach an làthair Dhé. Agus ciod e sin? An e a’ chaithir a ’s àirde ’s an t-sionagog? An e àite nan daoine a tha ’toirt taing do Dhia nach ’eil iadsan mar a tha daoine eile? Cha April 1877. “Unconditional Surrender.” [TD 58] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1877. TD 2] ruig mi leas a ràdh. Ma tha sibhse, mo chairdean ionmhuinn air ’ur toirt, troimh amaideachd, gu h-uaill a dheanamh, tha mi cinnteach, an uair a sheallas sibh ris a rìs tràth oidhche, gu ’m bi’ nàire oirbh as. Oir is e suidheachadh a’ Chriosdaidh a bhi ’gluasad gu h-iorasal am fianuis Dhé, agus gu macanta am fianuis Chriosdaidhean eile. Tha an ioraslachd so ann an làn chordadh ri creidimh bhi againn, gu bheil sinn air ar teàrnadh, agus le làn dearbhachd a’ chreidimh,—seadh, le dlù chochomunn bhi againn ri Dia. Ach bhuineadh do ’r suidheachadh bhi ro iorasal: bhuineadh dhuinn bhi aig cosaibh ar Maighistir ag ràdh, “Trid gràis Dhé tha mi an ni a tha mi.” Gu ’m b’ ann a dh’ oibricheadh an Spiorad Naomh an ùmhlachd ghràsmhor so anns na h-uile cridhe. Tha seadh eile aig an fhocal, is e sin, Striochdadh do thoil Dhé. A chairdean, gabhaibh gu toileach o Dhia an ni a chuireas e thugaibh. Nach ’eil cuid agaibh ro fhad o sin? Am bheil sibh striochdta d’ a thoil a thaobh ’ur n-inbhe am measg dhaoine? Am bheil sibh toilichte le ’r maoin saoghalta? Am bheil sibh réidh ri bhi euslan, suarach, agus air bheag comais? An e suidheachadh Dhé ’ur tlachd? Is ni sona e, ’n uair tha an inntinn air a deanamh réidh ri uile smachdachadh Dhé, agus ri dearbhaidhean goirt a fhreasdail. Cha-n urrainn athair ’s am bith leigeal le a mhac dùbhlan a thoirt da, agus gidheadh ’fhiosrachadh leis an aon ghràdh a gheibh a chlann umhal. Cha shealbhaich thu, a charaid, deagh-ghean d’ athar, gus an sguir thu de bhi ’cur ’n a aghaidh. Is e a ’s ciall da mar an ceudna, Umhlach. Bhuineadh do Chriosdaidh bhi mar shaighdear ris an abradh an ceannard-ceud, “Rach,” agus theid e, “Dean so,” agus ni se e. Bitheadh ’ur gràdh ’g a nochdadh fhéin ann an ùmhlachd cloinne, a tha ’cur roimhe mar chrioch bhi ’deanamh toil a’ Mhaighistir. Is e a ’s ciall da cuideachd, ’Ur cridheachan a bhi ’geilleadh do oibreachadh gràsmhor an Spioiraid, le bhi blàth, bog, gu furasd air an gluasad. Their an Spiorad, air amaibh, “Iarr an t-uaigneas chum ùrnuidh.” Aig leithid a dh’ àm rach a dh’ ionnsuidh do sheòmair air ball. Cuiridh Spiorad an Tighearna, air amaibh, daoine gu dleasdanas a dh ’iarras féin-àicheaimh. Na bi easumhal, ach thoir ùmhlachd air ball. Eisd ri aon fhocal o ’n Spiorad Naomh. Cha-n iarr an t-searbhanta dhìleas uiread ’us focal gu tric o a ban-mhaighistir: is tric, an uair a tha i ’frithealadh aig a’ bhord, gur leòr le seòladh le meur, gu fhios a bhi aice ciod a tha i gu dheanamh. Cha ghlaodh a ban-mhaighistir, “A Mhàiridh, dean so na sud,” ’us cha labhair i le guth àrd rithe iomadh uair, mar a th’ aig an Tighearn ri dheanamh ruinne, ach is leòr aon sealladh. Is ann mar sin a bhuineadh dhuinn a bhi: bu choir gu ’m foghnadh aon fhocal, aon chomharradh o’ n Spiorad, chum ar seòladh. II. DOIBH-SAN NACH ’EIL AIR AN TEARNADH, ach a tha miannach air. Mà thu ag ràdh gu bheil cùram ort mu ’d anam: rinn thu dian-spairn,—tha thu eudmhor airson nam meadhonan a’ leantuinn, an Sgriobtuir a rannsachadh, agus ùrnuidh uaigneach a bhi agad,—ach cha-n ’eil ’dol leat. Faodaidh bhi gur e a ’s aobhar, a charaid, nach d’ ùmhlaich thu thu féin do Dhia; tha thu a’ feuchainn ri obair a dheanamh, n’ uair a b’ fhearr dhuit sguirsinn, agus thu fhéin earbsadh ri Criosd, a tha comasach air do thearnadh ged nach urrainn thu thu fhéin a thearnadh. Is e an ni a ’s cruaidhe do chridhe uaibhhreach géilleadh. Am bheil e mar sin leatsa? “Ciamar mata, a ghéilleas mi?” arsa neach. “Ciod e do ’n géill mi, agus anns an géill mi?” Mata, ’s a’ cheud àite, Géill, ma ’s maith leat teàrnadh, do fhocal Dhé. Creid gur e an fhìrinn e. Ma ’s fior e, géill d’ a uachdranachd. Am bheil e ’cur peacaidh as do leth? Aidich e. Am [TD 59] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1877. TD 3] bheil e ’g ad dhìteadh? Aidich do chionta. Am bheil e ’cur dòchais romhad? Dean greim air. Am bheil e ’toirt àithne dhuit? Thoir ùmhlachd dha. Am bheil e’g ad sheòladh? Lean e. Am bheil e ’toirt misnich dhuit? Creid e. Géill dhasan a tha ’s an leabhair bheannaichte so ’g a fhoillseachadh féin mar Shlànuidhear na muinntir sin uile a chuireas uatha an innealan-cogaidh, agus a dh’ earbas as a chomas chum tearnaidh. Géill a rìs do ’d choguis. Tha thu a’ connsachadh ri do choguis, agus do choguis riutsa. Labhraidh ise agus is maith leatsa i bhi sàmhach. An deigh mi-mhodh soilleir bhi ann, ’n uair tha thu leat fhéin, their i, “Am bheil so ceart? Am bheil e sàbhailt? Am mair e? Ciod e a’ chrioch bhitheas air? Nach b’ fhearr a bhi ag iarraidh ni na ’s ciataiche na so?” Is minig a labhras Dia ri daoinibh troimh an coguis. Fosgail do chluas, mata, agus éisd. Cha-n urrainn do choguis cron a dheanamh ort: faodaidh i trioblaid a chur ort, ach is maith sin, ma tha do shìth ’g ad tharruing gu bàs. B’ amadan am fear a mharbh an cù a bha ’caithris ’s a’ comhartaich ’n uair bha na meairlich a ’briseadh a stigh, a chionn ’us gu ’n do chuir e dragh air. Ma tha do choguis ’g ad chronachadh, èisd rithe. Is e d’ fhior charaid i. Tha Dia mar an ceudna ’cur iomadh teachdair uaithe. Chuir e luchd-comhairle ro chiùin a dh’ ionnsuidh cuid agaibh. Bha cuid agaibh a fhuair comhairle deagh mhàthar, ’us creideam nach robh e furasd duibh a diùltadh, ’n uair a bha i ag innseadh dhuibh ma shlighe na beatha, agus ’dol roimhibh air an t-slighe i féin—cha-n ann a mhàin a’ teagasg mu Iosa, ach a ’nochdadh a ghlòir ’n a caithe-beatha! Tha piuthair agad, a dhuine òige air am bheil meas agad: is gann is urrainn thu an toil a th ’agad dhi innseadh. Nis, an litir ud uaithe air an d’ rinn thu roinn a mhagaidh, dh’ fhairich thu i! Géill dhi mata. Caimhnich, tha teachdairean eile aig Dia, mur géill thu do ’n fheadhain chiùin ud. Faodaidh bhi gu ’n do chuir e teachdairean na ’s gairbhe thugad. Cha-n fhad o chaill thu seana charaid. Is iomadh la aoibhinn bha sibh cuideachd, agus oidhche mar an ceudna: bha e ’n a shlàinte cho maith ’s a tha thu fhéin, agus bhuaileadh e, ’us lean thu a chorp do ’n uaigh. Nach ’eil guth o ’n uaigh ud dhuit? Theagamh gu ’n robh thu gu tinn, agus thu a réir coslais gun ni romhad ach an t-siorruidheachd,—siorruidheachd eagallach! Bha uamhas ort, ag ràdh, “C’ àite an teid mi? C’ àite am faighear mo spiorad ruisgte ’n uair a theicheas e á so?” Is e do ghnothuchsa na ’s mò na mo ghnothuchsa e, ach is e mo chomhairlese dhuit, éisd ris na freasdailibh ud! Sheas aingeal a’ bhàis ri taobh do leapa, agus thubhairt e, “A dhuine òige, is e am fiabhrus a th’ ann a nis, agus faodaidh tu thighinn as, ach an ath uair a luidheas tu, cha-n éirich thu gu bràth!” No, “Chaidh do shaoradh a nis o chunnart mòr, ach an ath uair a thachaireas e ort cha bhi dol as ann duit. A chionn ’us gu ’n dean mise so, ullaich chum coinneachadh ri do Dhia.” Thar na h-uile ni, tha mi a’ guidheadh dhibh, ma ’s aithne dhuibh na nithean so, géillibh do shanas Spioraid Naoimh Dhé. Cha-n ’eil an Spiorad a’ gleachd air an aon doigh ris na h-uile fear. Chràdh cuid e cho mòr ’us gu ’n do sguir e de strì a dheanamh riu, no tha e ’g a dheanamh ro ainmig. Tha aman a ’s fearr na chéile aig an duine a ’s miosa, tha smuaintean m ’a chor air uairibh aig an fhear a ’s faoine; tha a chiall ’tighinn air amaibh gu duine am measg cuthaich ua toihnntinn feòlmhoir. Aig leithid a dh’ àm tha daoine ag éisdeachd ris “a’ chuid a ’s fearr aca, mar their iad,” Ach cha-n e sin a th’ ann, ach cronachadh Spioraid Dhe ’n an anam. Tha e ag ràdh riu, “Am bheil so ceart? Am bheil e glic? Am faoineas, an neo-chùram, an truailleadh air an anam le miannan feolmhor a bhi faighinn buaidh, [TD 60] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1877. TD 4] —An urrainn e bhi ceart? Nach ’eil siorruidheachd ann? Nach ’eil neobhàsmhorachd, no Dia, no breitheanas ann?” Fosgailidh an Spiorad Naomh air amaibh sùilean duine, agus bheir e air cinnteas a’ bhreitheanais, agus ’fhagusgachd ’fhaicinn. Oh, ’n uair a chi thu so geill dha, tha mi a’ guidheadh dhiot. Tha trioblaid mhòr aig cuid de bhi ’ruighinn dìtidh. Is iomadh fear a labhras toibheum, agus ana-creidimh, a’ deanamh sin chum a chor truagh ’n a thaobh a stigh ’fholach. Cleas a’ bhrogaich a chluinnear a’ feadaireachd ’dol troimh ’n chladh, labhraidh iad toibheum chum na h-eagalan aca a chlaoidh ’s an anam. Am fear a ’s dàna a tha le cainnt an ana-creidimh, is tric nach e an t-anacreidmheach a ’s mò. Is aithne dha na ’s fhearr; agus tha mi cur iompaidh air àite-toisich a thoirt do ’n eòlas ud, chum a threòrachadh a dh’ ionnsuidh a Dhia agus ’Athar. Bithidh e ’n a ni beannaichte ma thachaireas sin an diugh. “Umhlaichibh sibh féin uime sin do Dhia.” Ma dh’ fhoighnicheas sibh dhiomsa a rìs, “Ciod e anns an ùmhlaich mi mi féin?” is e mo fhreagairt ann am beagan fhocal,—An toiseach, le bhi ag aideachadh ’ur peacaidh. Na cruaidhichibh ’ur muineal ag radh, “Cha do pheacaich sinn.” Cha-n fhaigh thu maitheanas gu bràth, ma their thu sin. “An neach a dh’ aidicheas a pheacadh gheibh a tròcair.” A pheacaich, dean roghainn eadar da ni: thoir breith ort féin, no giùlain breitheanas Dhé. Mu bheir thu breith ort féin, agus gu ’n aidich thu gu bheil thu ciontach, an sin bheir am Breitheamh Mòr maitheanas dhuit, ach gun sin cha toir. Dìt thu fhéin, chum nach dìtear thu. A rìs, thoir onoir do ’n lagh a tha ’g ad dhìteadh. Na lean air a bhi ’faighinn coire dha, agus a ràdh gu bheil e ro gheur. Tha an lagh naomh, cothromach, agus maith. Leig do bhile sios, agus thoir pòg dha, ged a tha e ’g ad dhìteadh, agus abair, “Ged a tha e ’cur chionta as mo leth, agus a’ dearbhadh peacaidh mharbhtaich orm, gidheadh is lagh maith a th’ ann. A rìs, aidich ceartas a’ pheanais. Tha do pheacadh ’g ad dhìteadh a dh’ ifrinn. Na abair, “Tha Dia ro-chruaidh: tha am peanas so na ’s mo na an cionta.” Cha-n fhaigh thu maitheanas gu bràth ma ’s e sin do bheachd, ach bithidh Dia ceart ’n ad dhìteadh: bithidh ardan do chridhe ’n a fhianuis ’n ad aghaidh. A thuilleadh air sin, Géillibh do rathad tearnaidh Dhé. Nis is ann troimh ghràs a tha sin, ’us cha-n ann troimh thoillteanas: trid fola Chriosd ’us cha-n ann trid ’ur deoir-se no ’ur fulangais. Firinichidh esan sibh troimh ’ur n-earbsa ann an Criosd nis. Tha sibhse a’ seasamh ’s ag ràdh “Am bheil e ’n a ni a chordas ri naomhachd?” mar gu ’m bu sibhse luchd-coimhid na naomhachd—mar gu ’m bitheadh an Righ mòr gun chomas air a naomhachd fhein a dhion! Tha e ag aithneadh dhuit creidsinn ann an Iosa. An dean thu sin no nach dean? Mur dean, cha-n ’eil dochas ann duit. Ma ni, tha thu air do thearnadh o ’n uair ’s an do chreid thu—air do theàrnadh o chionta peacaidh,—LE EARBSA A CHUR ANN AN IOSA. Rev. R. C. Spurgeon. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 61] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS AN T-SAMHRAIDH, 1877. RO ANMOCH! RO ANMOCH! [Dealbh] “Very nearly too late.” See page 2. “Is fearr bhi anmoch na gun tighinn idir!” Is fior sin; ach cha-n e ro anmoch. Le neamh no ifrionn romhainn is cunnartach aon uair a chall. Tha e anmoch gu leòr nis; faodaidh e bhi ro anmoch an ceann uaire. A leughadair, chunnaic thu cho beag suim ’s a bha aig duine a bha an cabhaig mhòir air gnothuich, do nithibh eile bha mu ’n cuairt da, cia b’ e na nithean a bh’ ann. Chunnaic sinn aon uair ni ’tha cumanta gu leòr, ach a ghlac ar n-aire gu mòr, a chionn ’us gu ’m b’aithne dhuinn an duine, agus a’ chrioch a bh’aige. Chunnacas air la sathuirn àraidh grianach, blàth, duine a’ leum as a’ charbad (omnibus) tha ’siubhal eadar Duineidin ’us Lite, agus e a’ ruith gu dian tarsuinn air an “Traigh” agus air an drochaid-thogalaich. Cha robh duine air a’ charbad nach d’ éigh ris gu ’n d’ fhàg e a mhàileid as a dheigh, ach an May 1877 “Too Late! Too Late!” [TD 62] [CEUD MHIOS AN T-SAMHRAIDH, 1877. TD 2] diomhanas. Chual’ e mar nach robh e a’ cluinntinn. Bha a shùil ris an long-theine a bha ’falbh gu Hamburg, agus bha an uair aice air dol seachad. Fhuair e i a’ gluasad, tha an toite ’n a shiubhal—tha i ’falbh o’ n cheithidh. Cha-n ’eil ann da ach beag dhòchas; tha na brogaich a’ fanoid air, agus is sporsa leis a’ mhuinntir a tha timchioll a bhi ’faicinn ’iomaguin. Ach is beag aige sin. Faic nis! tha an long air faotainn a mach! Thug e as ’n a ruith a rìs, ’us gillean ’us coin as a dheigh. Is coma leis iad; tha e ’airson ceann na ceithidh a ruighinn. Thainig an long aon uair faisg air an oir: thug e leum air bord, ’us thug an fheadhan a bha timchioll glaodh asda! Tha e nis toilichte, ’us shiap e am fallus o’ aghaidh. Ach a mhàileid! is coma leis i; tha e air an rathad a dh’ ionnsuidh a charaid agus a chuid. Dheanadh dàil cron da; cha mhòr nach robh e ro anmoch mar a bha. Ach a chionn ’us gu ’n robh e mu dheireadh aig a dhichioll, agus nach gabhadh e bacadh, tha e sàbhailt; agus is beag aige fanoid dhaoine. Ma tha mise air an rathad chum gloire, carson a bhacadh daoine mi le ’n cuid fanoid? Tha cuthach air an t-saoghal so a th’ againn; ach cha-n ’eil cuthach an duine na ’s soilleire na anns an tàire a ni e air daoinibh eile a tha ag iarraidh sonais shiorruidh. Tha aon ghné cuthaich eile a ’s miosa. Is e sin cuthaich an duine thruaigh nach fhàg Baile Sgrios le eagal gu ’n deanar fanoid air leis na h-amadanan a th’ ann. Oh! is truagh a bhi ’faicinn anam bochd a nis fo mhallachd coguis feargaich, agus dorchadas staid gun Dia, millte agus mi-shuaimhneach, ag iarraidh foise gun bhi ’g a faotainn, ach beag air aomadh gu bhi ’na Chriosdaidh, agus a bhi sàbhailt—gidheadh a rìs a’ togail ceannairc an aghaidh Dhé, a chionn ’us nach fhuiling e bhi ’na chulaidh-fhanoid aig daoinibh mu ’m bheil fhios aige nach ’eil annta ach daoine nach fiù meas? Eadhon a réir beachd an t-saoghail, co a tha ’n a dhuine—’n a fhior dhuine? Bitheadh an ni a dh’ fhaodas—saoibhreas, no solus, no urram roimhe,—is duine leis an t-saoghal am fear a choisneas an ni a mhiannaich e, a dh’ aindheoin co chuireadh ’n a aghaidh. Ciod e th’ aig a leithid sud air cliù no michliù o dhaoinibh? Cha-n e sin tha uaithe. Faigheadh e na tha uaithe, agus is coma leis co a chuireas ’n a aghaidh. Agus tha meas aig an t-saoghal air a leithid, oir is urrainn iad am fearalas a choisinn e a thuigsinn. A chomh-pheacaich eagallaich! nach tuig thusa do bhuannachd? Ma ’s e an saoghal na h-uile, lean e. Tha e ’cleachdadh a bhi ’duaiseachadh a luchd-leanmhuinn; agus ma shaothraicheas duine air son ni, agus gu ’m faigh e e, ciod e an duais tuilleadh a bhitheadh uaithe. Cha-n urrainn e ràdh gu ’n d’ rinneadh foill air. Agus cha ruig thu leas iongantas a bhi ort, ma chuireas tu do ’n fheoil ged a bhuaineadh tu truaillidheachd. Ach smuainich tachdan. Lean thu air an t-seachduin so a chaidh corp companaich do ’n uaigh. Sheas thu aig oir leapa caraid dhileis,—faodaidh bhi do mhàthar no d’ athar a shaothraich air do shon. Chunnaic thu am bàs a’ tighinn, agus an tosd a lean e. Tha fhios agad mata gu ’n tig am bàs. Cha-n e mealladh a th’ ann. Chunnaic thu e; is aithne dhuit e. Ged a theireadh deich mile dhaoine riut nach ’eil e fior cha chreideadh tu iad. Tha. fhios agad gu bheil na h-uile duine ri fanoid ort a their riut nach bàsaich thu no a dh’ iarras ort magadh a dheanamh air a bhàs. Cha-n e an saoghal a th’ ann na h-uile mata. Is eigin duinn uile ’fhàgail. Is amaideach, air an aobhar sin, bhi ann mar nach robh sin gu bràth gu dealachadh ris. Ma tha mise ’fuireach ann an tigh leam fhéin, tha mi toileach airgiod a chaitheamh air gu a dheanamh goireasach. Ach mur ’eil mi gu bhi ann ach beagan laithean, cha dean mi mòran saothar air. Cho-aontaich sinn gu bheil am bàs fior; mo bhàs-sa, do bhàs-sa, tha iad fior. [TD 63] [CEUD MHIOS AN T-SAMHRAIDH, 1877. TD 3] Cho cinnteach ’s a tha mi ’sgriobhadh—no thusa a ’leughadh an sgriobhaidh tha’n so—fàsaidh an làmh agus an t-suil tha so mall, marbh. An d’ rinn thu ullachadh mata? Dh’ innis Criosd—ainm an t-sòlais agus an dòchais do shaoghal caillte! dh’ innis e gu bheil iomadh àite-comhnuidh an tigh d’ athar,—aon dhuitse, ma thig thu. Tha Calbhari an sin—uaigh an duine shaoibhir—caithris nan aingeal—an lion-eudach ’n a luidhe—eiridh Chriosd—ardachadh Iosa; triomh bhàs, gloir; troimh ’n uaigh, neamh; troimh ’n chrann-ceusaidh, an crùn. Tha am bàs mata ro uamhasach. Gidheadh cha-n ’eil. Cha-n ’eil e cho uamhasach do chairdibh Chriosd. Is ann ’g an toirt dachaidh a tha e. Am bheil thusa ’n ad charaid aig Criosd? Cha-n e do mhaighistir am bàs, ach do sheirbhiseach. Cha tig e gun teagamh a réir d’ àithne, air tha thu fhathasd fo aois lagha—tha thu ’s a’ sgoil; ach is e do sheirbhiseach e airson sin. Nam bàsaicheadh tu nis, an tachaireadh Slanuidhear a dhiùlt thu riut mar Bhreitheamh? Am bheil thu a ’diultadh a shlàinte? Am bheil thu gu toileach a’ briseadh ’aitheantan, a’ cur uait a thairgsean, agus a’ magadh air cainnt a thruais agus a mhaitheanais? Agus gidheadh am bheil thu gun eagal a’ bhàis ort? Thigeamaid agus reusonaicheamaid le chéile. “Thug fearann duine shaoibhir àraidh barr pailte uaithe: agus smuainich e ann féin, ag ràdh, Ciod a ni mi, a chionn nach ’eil agam aite anns an cruinnich mi mo thoraidh? Agus thubhairt e, Ni mi so: leagaidh mi mo shaibhlean agus togaidh mi saibhlean a ’s mò; agus cruinnichidh mi annta sin mo thoraidh uile, agus mo mhaoin. Agus their mi ri ’m anam, Anam, tha agad moran de nithibh maithe air an tasgadh fa chomhair mòran bhliadhnachan; gabh fois, ith, òl, agus bi subhach. Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche so féin iarrar d’ anam uait: an sin co dha a bhuineas na nithean sin a dh’ ulluich thu? Is ann mar sin tha an ti a thaisgeas ionmhas dha fhéin, agus nach ’eil saoibhir a thaobh Dhé.” (Luc. xii. 16-22.) Chaochail an duine saoibhir ’s an ath sràid riut, ris am b’ àbhaisd farmad bhi agad, a chionn e bhi cho socrach, soghmhor, ged a bha fhios agad nach robh spéis aige do Dhia no d’ a Shabaid. Is aithne dhuit sin, oir chunnaic thu a thiodhlacadh a’ gabhail seachad le a charbad greadhnach falamh,—bha a sheilbheadar ann an carbad eile. Tha an companach aoibhinn, a sheinn iomadh òrain shuilbhir a chuidich a’ mhisge, ’us aig an robh gu leòr de sgeoil amaideach agus mi-mhodhail, a nis ’n a thosd gu bràth. Tha iad sud agus lionmhor eile a chunnaic thu gun speis do ’n bhàs, a nis marbh. Cha-n urrainn thusa gun tuigsinn gu ’n ruig am bàs ort féin. Bu ni eile e nan saoradh neochùram o ’n t-saighead thu. Ach mur saor—agus ciod e do bharail?—dean trócair ort fhéin, agus thoir thu féin dhasan a thug buaidh air a’ bhàs. Is e so am fior dhuinealas,—an cleachdadh tha fiùdhail air duine, creutair neobhàsmhoir, do ’m bheil bàs ’us siorruidheachd ’n an nithibh fior. Nach ’eil guth aig na h-uile tiodhlacadh, na h-uile cladh, ainmean nam marbh ’s a’ phaipeir-naigheachd,—an litir tha ’g ad iarraidh gu tiodhlacadh a’ charaid leis an robh thu a’ bruidheann ’s a’ gàireachdaich o chionn bheagan laithean aig oisinn na sràide; gloineachan do mhàthar a ghleidh thu o ’n là s na phòg thu na bilean fuar aice mu dheireadh—guth do ’m faod thusa bhi easumhal, ach a dh’ fheumas tu a chluinntinn,—a’ glaodhaich riut a bhi beò airson Dhé, agus a bhi ag ullachadh airson na siorruidheachd? Bi duineal mata. Am bheil e duineal a bhi leigeadh le fanoid dhaoine amaideach do chumail mach á flaitheanas? Am bheil e duineal a bhi ’dearmad an ni tha maith airson na siorruidheachd, a chionn ’us gu bheil daoine eile gun neamh ach an [TD 64] [CEUD MHIOS AN T-SAMHRAIDH, 1877 TD 4] talamh, gun Dia ach am brù? Ciod e do bharail? Bheireadh do chompanaich ort tigh Dhé a thréigsinn, là Dhè a bhriseadh, dol maille riu ’n an aingidheachd, no ’n am fanoid air naomhachd. Abair mar so riu:—“Tha fios agam gur éigin domh bàsachadh. Cha dean na nithean tha sibhse a’ moladh maith dhomh ach cron, an déigh mo bhàis. Thairg an Dia mòr dhomh mo theàrnadh o ifrinn uamhasaich, agus glòir do-labhairt neimh a thoirt domh. Is ro ghràsmhor an tairgse i. Bhitheadh an cuthach orm nan diùltainn i. Is e ’ur miann-sa gu ’n diùltainn i. Ach cha dean. Is ni ciunteach am bàs. Agus air dha sin bhi mar sin, cha-n urrainn mi mo dhòchas mar dhuine ’chur uam, mar chreutair a ’s urrainn sonas agus naomhachd shiorruidh a mhealtuinn, air sgàth toil-inntinn a’ chuirp no an t-saoghail, no airson gaireachdaich nan amadan, a dheanadh aon ghreim o ghalar craiteach a thionndadh gu ràn muladach na dòruinn. Thagh mise Dia mar mo chuibhrionn—Criosd mar m’ iobairt-réite, m’ iùl, agus mo Shlanuidhear—an Spiorad Naomh mar m’ fhear-teagaisg—neamh mar mo dhachaidh. Gabhaibh-se ’ur rathad féin, no ni na ’s fearr, thigibh leamsa, agus bheir mise oidhirp air an ni tha maith fheuchainn duibh.” Saoil sibh an e so am fior dhuine-alas? Faicibh mar a fhreagaireas e. Ach NA DEANAIBH MOILLE. “Trop tard!”—ro anmoch!—b’ e sin glaodh na Parlamaid Frangaich ’n uair a thairg cairdean an rìgh Louis Philippe a mhac a chur air a chaithir. Oh, na bithibh ro anmoch airson neimh! An ath bhliadhna—an ath sheachduin—an ath là—an ath uair—an ath mhionaid, faodaidh iad sin uile bhi ro anmoch. Aon uair na bu luaithe, agus dh’ fhaodadh mac òg an rìgh bhi ’n a rìgh air an Fraing. Ach Ro anmoch! Ro anmoch! b’ e sin an éigh. Focail uamhasach! Tha thu aig an àm so slàn, foghainteach, tùrail, comasach air cuideachadh le athair no màthair, no fear posda, no bean, no piuthair: a maireach, an diugh gun smuain air aithreachas, no aideachadh, no Slanuidhear, no maitheanas—faodar an éigh ghoirt a chluinntinn o neamh, “Ro anmoch! Ro anmoch!” A leughadair! am bheil thu fhathast mach á Criosd? Tha an cuireadh fhathast agad. Am bheil thu ag ràdh, Imich romhad an tràth so?” Am bheil thu ag ràdh, “Smuainichidh mi air an uair a bhitheas ùine agam; agus ma bhàsaicheas mi, is ann agam fhéin a mhàin bhitheas an call”? Cuimhnich, cha-n ’eil saorsainn diùltaidh agad o Dhia. Tha esan ag aithneadh do dhaoinibh aithreachas a dheanamh; agus is ceannairc cho maith ri truaigh ma leanas tu ’n ad easumhlachd chum bàis. “Ach tha àite falamh ann fhathast.” Oh, blaisibh agus faicibh gur maith an Tighearn, agus gur beannaichte esan a dh’ earbas as (Salm xxxiv. 8). Gur ann a bheireadh an Spiorad Naomh mòran chum aithne shàbhalaidh, troimh na focail so, bhi aca air gur e tuarasdail a’ pheacaidh am bàs, ach gur e tiodhlac Dhé a’ bheatha mhaireannach troimh Iosa Criosd ar Tighearn! (Rom. vi. 23.) Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ àir bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB,PRINTERS, EDINBURGH. [TD 65] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1877. AM FEAR-TATHAICH MIOSAIL ANN AN AFRICA MU DHEAS. LE BEAN MINISTEIR. [Dealbh] ’SA bhliadhna 187—, thòisich mi air am Fear-tathaich Miosail a chraobhsgaoileadh ann am P——, àite dlù do ionad-suidheachaidh sluaigh Bhreatunnaich cho lionmhor ’s a tha an ceann deas Africa, agus lean mi air gus an d’ fhàg mi mu dheireadh na bhliadhna 187—. Mu ’n d’ fhàg mi, agus o sin, rinn mi na dh’ fhaodadh mi chum daoine eile fhaighinn a bheireadh air aghart an obair air feadh na dùthcha. Is e mo dhòchas agus m’ ùrnuidh gu ’n cuir an Tighearn ann an cridheachaibh chuide d’ a chloinn cùram a ghabhail mu ’n chùis, agus am meadhon gràis a tha so a chuideachadh anns na tiribh chéin ud. An toiseach cha robh na trachdan air an gabhail gu ro thoileach, air uairibh chuireadh air ais leis a phost iad; ach an ceann beagan ùine is ann a thainig na trachdan agus an luchd- liubhairt gu bhi fo mhòr mheas, Dh’ fhosgail am Fear-tathaich Miosail ach June 1877. The “Monthly Visitor” in South Africa. [TD 66] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1877. TD 2] beag dorus na h-uile tigh dhomh, agus fhuair mi conaltradh ri mòran sluaigh. Agus tha aobhar a bhi ’creidsinn, gu ’n robh toradh air so, trid grais Dhé, a bha chum tearnaidh ann an neach ’us neach dhiubh, agus ann an taiseachadh-cridhe bha comharraichte ann an airèimh mhaith. Bha aon teaghlach de chloinn gun mhàthair ann, a choinnich rium, agus anns an d’ fhuair mi mòran tlachd. Bha aon diubh ann a tha nis, tha mi an dùil, ann am flaitheanas; agus tha corr ’us aon de chàch a nochd iad a bhi fo bhuaidh an t-soisgeil. Bha aon neach air an robh W——, mu ’n fhiù labhairt. Agus sin cha-n e a mhàin air sgàth an duine fhéin, ach mar ni a tha nochdadh cho tarbhach ’s a dh’ fhaodas e bhi, far an d’ fhuair an trachd àite, dhol a bhruidheann ris an neach mu luach an anama. Dh’ fhàg an duine ud Eirinn ’n uair bha e òg, air dha gabhail ann an Reisimeid a fhuair ordugh dhol do Rubha an Deagh Dhochais. Thachair iomadh ni ris eadar an t-àm ud agus an là ’s am faca mise e. Ri linn a’ chogaidh ris na Caffirich aig an Rubha, theich e, ghabh e rathad na h-aimhne air am bheil Orange mar ainm, shnàmh e i, agus ghabh e fasgath ann an tigh tuathanaich Dhuitsich. An sin thainig a luchd-tòrachd air. Theich e rìs, ach air dhoibh a leantuinn loisg e orra, agus an sin rug iad air. Thugadh binn a’ bhàis a mach air, ach air sgàth ’oige chaomhnadh e, agus chuireadh e airson àireimh bhliadhnachan ann an ciomachas am measg luchd-dobheirt. Dh’ fheuch e ri tàrsuinn á sud le companach, ach mharbhadh an companach, agus bha esan mar a bha. Rug iad air W—— ach mu dheireadh, a chionn a ghiùlan bhi air dol am feabhas, leig iad as e. O ’n àm sin a mach is tric a thionail e airgiod, ach chaith e air a mhisg e. Bha e air cho bheag cùram, mar a thubhairt e rium, gu ’m bu leòr leis na ’m faigheadh e each gu marcachd mar a thogradh e air feadh fàsaichean Africa, o’ n nach robh uaith ach an t-òl, agus gu’ m b’ urrainn e codal air an talamh, agus freumhan ’us luibhean itheadh mar a b’ aill leis. Feadh an droch là ud, chiùir e a chos. Rainig e lighich de na Caffirich, agus an àite slànachadh, is ann a dh’ fhàs i na bu mhiosa, agus mu dheireadh is ann a b’ eigin a toirt deth. Do nadur a leithid ’us a bh’ aigese bha so ’n a dheuchainn goirt; ach a dh’ fheuchainn nach dean uamhasan feirge Dhé dhiubh fhéin an leòmhan a thionndadh gu bhi ’na uan, ach a mhàin an “guth caol, ciùin” air a labhairt leis an neach a s’ anmhuinne a chuireas esan, lean an duine, mar a b’ urrainn e, air a chaith-beatha uamhasach a bh’ aige. Ann an Eirinn dh’ fhoghluim e bhi ’n a ghreusaich; agus b’ éigin da nis a’ cheaird ud a leantuinn air sgath ’arain, ged nach robh tlachd air bith aige ann roimhe. Bha e ris a’ cheaird ud bliadhnachan mu’ m faca mise e; ach bha e cho bochd, truagh, misgeach, gu ’n robh e gu tric faisg air a’ bhàs, gun chùram air neach air bith m’ a dheighinn. Gun a bhi ro throm air, thubhairt e rium ann am freagradh do ’n cheisd so, “Nis, W——, air feadh là do chuthaich uile, nach robh aon neach uair air bith—oir tha thu ag ràdh, gu ’n robh cuid caoimhneil riut,—a thubhairt focal riut mu d’ anam?” “Cha robh duine,” ars’ esan, “cha d’ aithnich mi riamh an ni a ’s aithne dhomh nis.” Nach ’eil so ’toirt earail do Chriosduidhean a bhi “ri saothair fhad ’s a deirear an là an diugh ris;” “Mar a tha cothrom againn, deanamaid maith do na h-uile dhaoinibh?” ’N uair a ghairm mi an toiseach agus a dh’ fhàg mi am Fear-tathaich Miosail aige, chunnaic mi nach bu leòr dhasan an trachd a thoirt dha, agus ùrnuidh a dheanamh air a shon. A thaobh droch shealladh a bhi aige, cha leughadh e gu maith; thogadh e ’n a Phapanach, agus is e bh’ ann nach robh aideachadh idir aige. Air dhomh so fhaicinn, ghabh mi uair a thìm gach Sàbaid a’ leughadh a’ Bhiobuill dha, ’us thug mi Biobull [TD 67] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1877. TD 3] dha ’s an robh an litir mòr. Lean mi mar so fad bliadhna gu leth, agus an ceann sin, bha atharrachadh mòr air tighinn air. Nochd esan gu soilleir, “Mòr chumhachd caoimhneis ghraidh.” Is ann le sin mar gheinne a dh’ fhosgail an Spiorad Naomh a chridhe. Dh’ innis e dhomh, an dara uair a chaidh mise d’ a thigh, agus a fhuair mi e ’n a luidhe air mhisg air an làr, ’s a thubhairt mi “Is duilich leam d’ fhaicinn mar so, agus is cinnteach mi gu bheil do Shlànuidhear na ’s duiliche,” thubhairt e ri coimhearsnach, “Oh, nach bu mhi a’ bheisd a bhi ag òl mar so, agus baintighearn a’ nochdadh ’leithid a thaobh rium!” Thubhairt e mar an ceudna, “Sin a’ cheud uair a dh’ fhairich mi cho gràineil ’s a bha mi, agus a dh’ fheuch mi ri mo chor a leigheas.” Ach bha fhathast aige ri fhoghlum mu ghràdh foighidneach, iongantach Chriosd, mu ’n robh e comasach air coinneachadh r’ a namhad, agus buaidh a thoirt air. Bha e ro thoileach mise fhaicinn; labhair sinn r’ a chéile mu fhirinn an t-soisgeil; agus o ’n bha esa ro aineolach air nithibh Dhé, am measg nithean eile labhair mise mu leabhar aithghearr nan ceist, chum bunait teagaisg fhallain a leagadh ’n a inntinn, agus a rìs togail air. An uair a chunnaic W——, ’s a cheud cheist, gur e “Crioch araidh an duine Dia a ghlòrachadh,” bu shoilleir gu ’m fac’ e cho fada ’s a bha a chaithebeatha-sa an aghaidh sin. An sin, an uair a dhealraich solus troimh an dorchadas, agus a thuig e gu ’n robh dòchas ann do dhuine truagh mar a bha esa, dha ’n robh na h-uile neach coma—gu ’n robh cùram aig Dia dheth, agus gràdh ann air a shon, agus gu ’n d’ fhoillsich e a ghràdh le Criosd a chur a shireadh ’s a thearnadh pheacach,—an sin rinneadh de rireadh “creutair nuadh” dheth, agus bha “na h-uile nithe air an deanamh nuadh.” Cha teid as mo chuimhne gu bràth, a’ cheud uair a theagaisg mi dha ùrnuidh a dheanamh, cho caomh, ciùin, ’s a dhùin e a dha shùil, a thog e a làmhan, agus a lean e na focail a chuir mi roimhe, ag ràdh “Cha-n aithne dhomh ciod e tha mi ag ràdh, mar a tha fhios agaibh.” ’S a mhaduinn air uairibh, ’n uair a rachainn ’g a choimhead, theireadh e, “An raoidhre cha do choidil mi gu maith, ach luidh mi ’n am dhùisg a’ seinn ‘Halleluiah.’” Bha W—— ’n a nàdur ’n a dhuine sàmhach. Is e gniomharan ’us cha-n e briathran a bhitheadh aige. Cha b’ fhad gus am facas toraidhean an Spioraid ann, agus b’ e aon dhiubh, gu ’n do leig e dheth an t-òl. Leis an òl a leigeadh dheth, agus a’ beatha rianail, shàmhach ’bha e nis a’ caitheamh maille ris a’ chuimhne mhuladach a bh’ aige air mar a bha e, thainig atharrachadh ’n a shlàinte, agus e gu bhi anmhunn, bochd. Fa chomhar sin, thòisich e air éiridh aig cuig uairibh ’s a mhaduinn, agus ghabh e mach air na crasgagaibh chum àile na maduinn fhaighinn mu ’n toisicheadh e obair an latha. Car uine bha gleachd mòr aige, oir thigeadh seana chompanaich, air an robh e fada ’n a cheannard, agus dh’ fheuchadh iad r’ a tharruing leo; ach sheas e gu daingean mu dheireadh. Bha seann mhisgeir a dh’ iarr fardoch air, air sgàth sean’ eòlais, do ’n d’ thug e fasgath oidhche no dha na tri. Ach o nach leigeadh e dheth an t-ò’. b’ eigin do W—— iarraidh air an tigh ’fhàgail. Lean e nis le tlachd r’ a cheaird. B’ éigin chum sin gu ’m faigheadh e leathair; ach phaigh e an sgillinn mu dheireadh d’ a phrìs. An ceann ochd miosan deug, air dha eudach maith a bhi aige, fallan an inntinn ’s an corp, agus le iarrtus an eaglais a fhrithealadh, tha e air fhaighinn gu rianail ’n a chaithir innte. ’Us bu duilich dha leis cho crùbach ’s a bha e. Air dha tighinn do ’n eaglais, sguir mise de bhi ’dol d’ a choimhead air an t-Sabaid, agus thainig esan na h-uile Deciadainn airson uaire, agus an sin lean sinn air a’ Bhiobull a leughadh agus bruidheann a dheanamh air, maille ri Turus an Eilthirich. Lean mi air an [TD 68] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1877. TD 4] aon doigh le cuid eile, air an d’ fhuair mi eòlas le bhi a’ craobhsgaoileadh an Fhir-tathaich Mhiosail. Goirid an deigh dhasan gabhail mar a bha sinn an dòchas ris an Tighearn, dh’ aidich e gu follaiseach aig a’ bhord e. An deigh dha tilleadh o thurus a thug e do ’n dùthaich, ’n uair bha mi ann an ceist mu dheighinn a chor spioradail gu h-àraidh, bu thaitneach fhaicinn o na rinn ’us na labhair e, gu ’n robh e a’ faireachadh mòr fhagusgachd air Criosd, agus mòr fheum air a làthaireachd maille ris. Am measg nithean eile, bu mhaith leis a bhi’ cuideachadh ann an craobhsgaoileadh aobhair an Tighearna. Mar chomharradh air cho beag ’s a b’ aithne dha mu dhachaich chomhfhurtail, thubhairt e a’ cheud uair a chunnaic e ’aghaidh ann an sgàthan, ann an seòmar grinn, glan, “Mata is e so a’ cheud uair a chunnaic mi m’ aghaidh o cheann cheithir bliadhna deug.” Mu ’n d’ fhàg mise an dùthaich dh’ fhuirich e cuide ruinn airson miosa, agus bu chaomh, ciùin, modhail, a ghiùlan. Air iarrtus W—— fhéin an t-àite fhàgail, leis an eagal a bh’ air á tuiteam air ais, fhuair sinn àite-tàimh dha an tigh tuathanaich. An sin tha e a’ fuireach fhathast cuide ri cairdibh blàtha, a tha o ghràdh do Dhia, agus o ghràdh do ’n t-seann duine fhéin, a’ buntuinn gu caoimhneil ris. Bha sinn duilich a’ dealachadh, ach bha dòchas againn gu ’n tachradh sinn ann an glòir. Fhuair mi iomadh litir uaith o sin, agus o na cairdibh leis am bheil e a’ fuireach, a toirt fianuis air an atharrachadh a thainig air bhi fior. Ann a litir mu dheireadh, air dha nithean caoimhneil a radh, thubhairt e maraon mu sheana chairdibh agus cairdean ùra, “Cha deachaidh na dh’ fhoghluim mi as mo chuimhne. Tha mi mar a dh’ fhàg sibh mi. Tha creidimh agam ann mo Dhia ’us mo Shlànuidhear.” Tha trachd mar am Fear-tathaich Miosail ro luachmhor ann an ùr-threabhachas mar so, far am bheil leabhraichean gann, agus gu h-àraidh leabhair mu ’n fhior dhiadhachd. Thig i a dh’ ionnsuidh an doruis ùr, gu rianail, agus cuiridh i daoine an cuimhne air “an t-seann dùthaich,” cho maith ris an dùthaich neamhaidh. Is meadhon aonaidh i cuideachd, ni a tha gu tric a dh’ uireasbhuidh air sluagh ann an ùr-threabhachas. Dùsgaidh i suas cuimhne air iomadh ni a tha ’dol air dhi-chuimhne an sud. Faodaidh mi radh an toiseach gu ’n do phaigh mi fhéin cosguis an Fhir-tathaich Mhiosail gu leir, ach mu ’n d’ fhàg mi an tìr, bha iad uile toileach am paigheadh air sgàth am faighinn. Bu mhaith leam gu ’n ruigeadh am Fear-tathaich Miosail air ùr-threabhachais Bhreatuinn gu léir. A leughadair! sean no òg,—saoibhir no bochd,—modhail no eile, o ’n leth mach,—faic o so na ni an Soisgeul. Faic mar is e “cumhachd Dhé e chum slàinte do gach aon neach a chreideas.” (Rom. i. 16.) “Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, agus bithidh tu air do thearnadh.” (Gniomh xvi. 31.) Agus aithnichidh tusa ’n ad fhaireachadh, (2 Cor. xv. 17,) “ma tha duine air bith ann an Criosd gur creutair nuadh e.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 69] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREAMIACH AN T-SAMHRAIDH, 1877. SLUICHD EU-DIONACH. [Dealbh] “OIR chuir mo shluagh-sa da olc an gniomh: thréig iad mise, tobar nan uisgeachan beò: agus chladhaich iad a mach dhoibh féin sluichd, sluichd eudionach nach cùm uisge.” (Ier. ii. 13.) Sluichd eu-dionach! Tha an saoghal làn diubh; agus tha an comharraidhean ri ’m faicinn air feadh nan uile ghinealach de chloinn nan daoine. Mar a chì neach ann am Palestin làthraichean nam bailtean briste air gach làimh; mar sin chì sinn air feadh an t-saoghail comharraidhean fhathast ann air iomadh ni ris am bheil Dia ag radh sluichd eu-dionach. Tha gach tìr làn diubh. Tha gach fine làn diubh. Far am faigh thu mac Adhaimh chì thu an sin slochd eudionach; seadh, mòran diubh. Ann an Siria, agus iomadh tìr ’s an airde an Ear far am bheil an t-uisge ro ghann, tha iad ’g a thionail ’n uair a thuiteas e mar ionmhas, agus ’g a thasgadh mar an t-òr. ’S an t-samh- July 1877 “Broken Cisterns.” [TD 70] [MIOS DEIREAMIACH AN T-SAMHRAIDH, 1877. TD 2] radh tha amraichean nan amhainn tioram, tha na tobraichean gun uisge, agus cha-n ’eil uisge a’ tuiteam. Tha sluichd aca airson tasgadh an uisge; cuid diubh leis an t-sluagh uile, cuid le daoinibh air leth. Eadar Ierusalem agus Iericho chithear làthraichean nan slochd ud, air an gearradh á cloich, a bha aon uair a’ tasgadh uisge do luchd-turuis ’us àiteachaidh, fad sé mile deug de shligh thioraim, theth. Aon uair làn, nise falamh; aon uair teann, dionach, nise briste, agus gun fheum, gun mhaith ’s am bith, ach ’n an samhlaidhean air dòchasaibh meallta an duine. Tha Tobar ann de dh’ uisge beò, nach truaill, agus nach traogh. Ach teichidh daoine uaithe, agus cladhaichidh iad dhoibh féin slochd a chumas uisge eile. Tha an Tobar ud a’ taomadh mach uisge aig an taobh; cluinnear ’fhuaim; tha na boinntean a’ dealradh anns a’ ghréin; tha an tír tioram; tha na daoine tartmhor; gidheadh cha-n òl aon neach de ’n ullachadh saoibhir a rinneadh. Tha na h-uile neach ag iarraidh uisge ’ullachadh dha fhéin, air chosguis ’s am bith; tha na h-uile neach a’ cladhachadh sluichd! Tha an obair diomhan; ach gidheadh cha sgìthich iad, An àite ’dol do ’n tobar, toisichidh duine air slochd eile. Tha sin cuideachd gun fheum, toisichidh e air fear eile. Tha sin gun mhaith. Rìs fear eile. Agus mar so tha e ’caitheamh a latha air oidhirpibh diomhan chum sluichd a chladhachadh; agus an Tobar domhainn, làn uisge a’ ruith ri a thaobh. Is e so anntoil an duine; iarrtus an duine air sonas fhaotainn ann an ni air bith ach Dia, agus Tobar a ghràidh. Labhair Dia ’n a ghràdh ris an duine agus sheòl e dha aon Tobar an aoibhneis,—E FHEIN, an Dia Beò. “Annamsa,” tha e ag ràdh ris “tha gach ni tha o ’d anam bochd, falamh; o ’d chridhe cràiteach; annamsa, tha gach ni a chuireas teicheadh air do bhròn agus a lionas thu le sonas; cha-n fhaigh thu mealladh annamsa; bithidh aoibhneas agad agus sìth thar eòlais. Thig, òl do làn á aon Tobar an aoibhneis, a chumas na riaraicheas tart uile mhiltean a luchd-àiteachaidh na talmhainn.” Mar so a labhair Dia, ach cha tug an duine fainear. Thréig e Tobar nan uisgeachan beò, agus chladhaich e dha fhéin sluichd, sluichd eu-dionach, nach cùm uisge! Bhitheadh e sona ach cha-n ann an Dia! Dh’ iarradh e a thart a riarachadh, ach cha-n ann le Dia! Dh’ iarradh e ’anam a shàsachadh, ach cha-n ann le Dia! Neach ’s am bith ach Dia! Toilinntinn ’s am bith ach toilinntinn neamhaidh! Diomhanais, amaideis, faoineis, òr ’us airgiod,—ni ’s am bith ach Dia! Tha Dia gach là a’teagasg do dhaoinibh cho neotharbhach agus peacach le ’chéile,’s a tha gach trèigsinn air-san, gach diultadh air na h-uisgeachaibh neamhaidh, gach roghainn air an t- slochd talmhaidh seach an Tobar neamhaidh. Ach is diomhan e. Cha chreid an duine gu bheil aoibhneas ann an Dia, agus gur diomhanas cuid an duiue. Tha e ag òl cùpan searbh gach là,—cha toil leis a sheirbh—gidheadh pillidh e d’ a ionnsuidh anns an dòchas gu ’m bi na ’s milse an ath uair. Cha ghabh e teagasg o na dh’ fhairich e mar tha. Ma theid aon slochd o fheum cladhaichidh e fear eile. Ma thiormaicheas aon tobar, fosglaidh e aon eile. Cha ghabh e rabhadh ann an nithibh Dhé, cha-n eisd e ri mealladh-dòchais. Theid e air adhart air an aon sligh a roghnaich e fhéin, a mheall cho tric e, ag ràdh nach meall e rìs e. Thuit lùchairt an t-sonais a thog e gu làr, ach togaidh e ris i. Tha e a’ cur roimhe ged a mhealladh aon uair e nach tachair sin a rìs! Gabhaidh e roimhe—a’ tuiteam ’s ag éiridh, le eagal us le dòchas—gus an teirig a là goirid air an talamh, agus an sin aidichidh e gur e mealladh a bh’ aige: “Diomhanas nan diomhanas, is diomhanas na h-uile nithe!” Dh’ fhalbh tìm, agus cha-n ’eil ullachadh airson na siorruidheachd! Beag toilinntinn an so, agus gun dad idir thall gu bràth! Tha sgeula-beatha ar daoine mòra [TD 71] [MIOS DEIREAMIACH AN T-SAMHRAIDH, 1877. TD 3] a’ nochdadh iomadh là priseil air a chaitheamh gun fheum; “sluichd eu-dionach,” agus tobraichean gun uisge. Tha sinn a’ leughadh mu phrionnsa ’s an airde an ear, a dh’ fhàg as a dheigh cunntas air mar dh’ eirich dha. Bha e fad leth-cheud bliadhna air a chuartachadh leis an uile ghreadhnachas agus onoir, a’ blasad air na h-uile toilinntinn; ach tha e ag ràdh “Rinn mi àireimh air na laithean dhe mo bheatha fhad air am b’ urrainn mi radh gu ’n robh mi sona, agus cha d’ fhuair mi ’s an àireimh ach ceithir deug!” Bha duine uasal uaireigin ann an Sasunn, a chaith là fad gu soghmhor, a’ sior chladhachadh sluichd eu-dionach, a thubhairt mu dheireadh, “Chunnaic mi gnothuichean ’us toilinntinnean faoine an t-saoghail, agus tha mi ullamh dhiubh. Bhlais mi air uile thoilinntinnean an t-saoghail, agus is aithne dhomh am faoineas, agus cha chall leam iad bhi uam. Tha mi ’g am meas aig am fior luach agus is beag e. Chi cuid an leth mach a’ dealradh, agus tha iad air an dalladh leis. Chunnaic mise an leth stigh; agus an uair a smuaimcheas mi air na chunnaic mi, na chuala mi, agus na rinn mi, cha mhòr gur urrainn mi smuaineachadh gu ’n robh brìgh idir ’s an amaideas; agus tha e dhomh mar na bruadairean faoine a bhitheas aig daoinibh, agus cha-n iarrainn dol troimh na nithean ceudna a rìs. Tha mi a’ giùlan leis mar tha mi, a mhàin airson gur éigin domh. Tha mi ’g a ghiùlan airson gu ’m feum mi a ghiùlan, le deòin no dh’ aindheoin. Cha-n ’eil uam ach an là a chur seachad mar is fhearr a ’s urrainn mi, o ’n tha mi ’g a mheas ’n a namhad dhomh. Is e mo rùn codal air a chuid tha romham de ’m thurus.” Thainig caraid a choimhead aon de dhaoinibh mòra na rioghachd, air maduinn latha bliadhna ùir, o cheann cheud bliadhna, agus chuir e failte air mar a’ s abhaist. “Mata,” ars esa, “a’ freagradh ’us e air a ghluasad ’n a fhaireachadh, “is e mo dhòchas gu ’m bi a’ bhliadhna tha so na ’s sona na a’ bhliadhna a dh’ fhalbh, oir cha chuimhne leam aon là sona bhi agam fad na h-ùine.” Mar so chaidh daoine air aghart fad an là gun chùram, a’ lionadh, nam faodadh iad, an t’-anam le diomhanais an t-saoghail agus an sin an uair a thréig an càil iad, agus a bha an t- siorruidheachd a làthair, bha iad làn uamhais. Bha miltean de “shluichd eu-dionach” timchioll doibh, agus b’ eagallach an sealladh. Rinn iad anacaitheamh air an là a thug Dia dhoibh airson maith an anama, agus bha iad gun fhios ciod a dheanadh iad, cha b’ urrainn iad an là a thoirt air ais; agus cha robh romha ach an dorchadas. Cha robh fhios aca ciod a dheanadh iad. Bha bruadar am beatha mu shonas seachad. Bha tìm seachad. Bha slainte an cuirp seachad. Bha iad gun chomas cuirp no inntinn troimh shean aois. Co b’ urrainn an cuideachadh? Seadh, co b’ urrainn an cuideachadh? A h-Aon a mhàin. An neach a chuidich an gadaiche air a’ chrann, an deigh a chaitheamh-beatha aingidh. Bha esan a dhi-chuimhnich iad an làthair chum an tearnadh. Bha Tobar an uisge bheò fhathasd ann, cho làn ’s a bha e riamh. Oh, nan robh fhios aca air so. Ach bhasaich iad mar a bha iad beò, le ’n aghaidh air falbh o Dhia. Ach cha-n e iad uile. Rinn Dia tròcair air cuid diubh sin, agus mar a dhlúthaich iad air bas, dhlùthaich esan orra, agus thug e uisge beò dhoibh r’ a òl. Ann an dearbh ghleann dorch a’ bhàis, thug e air an uisge ruith dhoibh. Dh’ òl iad le aoibhneas a tobraichibh na slàinte, agus o sin chaidh iad suas chum òl as an amhainn fhior-ghloin, soilleir mar chriostail, a’ teachd a mach a righ-chaithir Dhé agus an Uain. Oir tha Tobar sin na beatha saor gus an uair mu dheireadh,—saor do’ n t-sean aois mar a tha e do ’n leanabh. “Ho, gach neach air am bheil tart, thigibhse,” is e sin an teachdaireachd do leabaidh a’ bhàis. Ged a tha Dia a’ gearan gu ’n do thréig daoine esan, Tobar nan uisgeachan beò, gidheadh [TD 72] [MIOS DEIREAMIACH AN T-SAMHRAIDH, 1877. TD 4] cha-n ’eil e ’druideadh an Tobair suas. Tha i fosgailte aige gus a’ chrìch. Is e “Thigibh chum nan uisgeachan” an deagh sgeul a tha e ’cur a dh’ ionnsuidh chloinn nan daoine. Faodaidh na h-uile òl. Tha lan dìth am beatha aig an leanabh, an gille, an òganach, an t-seann duine. Tha an Tobar ud fhathasd ’cur a shruth a mach chum ùrachadh. Tha a h- uisgeachan làn gràidh Dhe,—làn gràis Chriosd—làn aoibhneis neamhaidh; agus cha-n ’eil mac do Adhamh a tha ag iarraidh sonais, ach nach d’ rainig air, nach faod òl gu saor agus a bhi riaraichte! Aig Baigh Phoil an Naoimh ann am Malta, air traigh na mara, tha tobar. Os cionn na tobair sin tha togail beag, boidheach, de chloich ghil, ri taobh an rathaid chum ’us gu ’n ruig na h-uile neach air. Tha sgriobhadh air a ghearradh air ’s a chainnt Laidinn mar a leanas, ’n t- seathamh Salm thar eeithir fichead:— “Thig na cinnich uile do ’d ionnsuidh.” Os cionn Tobair na beatha faodar a ràdh, gu bheil na briathran ceudna air an sgriobhadh. Seadh thig na cinnich uile d’ a ionnsuidh. Uile mhic Adhaimh sgìth de ’n saothair gun fheum, sgìth de ’n leanmhuinn faoin air toilinntinn, sgìth de na “sluichd eu-dionach!” “Esan air am bheil tart thigeadh e.” Chum an samhladh a dheanamh iomlan dh’ fhaodadh sinn beachdachadh air tobar agus togail eile, no an aon tobar agus an aon togail leis na focail “Tha e criochnaichte” sgriobhta air an taobh eile. Bha an Tobar air a cladhachadh o cheann ochd ceud deug bliadhnachan, agus cha do thiormaich i fhathasd. Is i an “obair chriochnaichte” sin Tobar Dhe airson saoghail thartmhoir. Cha-n eil mealladh-dòchais an so! Mairidh e uile. Cha-n eil mearachd ann! Tha e uile fìor. Tha gràdh saor Dhe a’ sruthadh o ’n chram-ceusaidh, agus tha cuireadh aig saoghal tartmhor òl. Anns a ghràdh ud tha gach ni a lionas an t-anam agus a ni sona e. Feuchadh fear-leanmhuinn toilinntinn, ’us peacaidh, ’us diomhanais, le a thart agus a sgìos, ris an uisge bheò so òl, agus cha phill e a rìs gu a “shluichd eu-dionach.” Sibhse a dh’ iarradh sonas, ’us aig nach eil fhios ciamar a ruigeas sibh air, tairgnibh dlù agus òlaibh. Sibhse a ta ri caoidh os cionn dòchasan meallta, agus aoibhneasan marbha, agus laithean truagha ’s an amharc, thigibh, blaisibh agus faicibh gu bheil Dia maith. Cha mheall e sibh. Bheir e socair do ’r cinn anshocrach; ceanglaidh e suas ’ur cridhe briste; lionaidh e ’ur spiorad falamh; bheir e sòlas dhuibh ’n ’ur n-aonrachas; bheir e dhuibh sìth shiorruidh. Is e am peacadh an eucail mhòr agaibh. Bheir e sin air falbh. Is e cionta an t-uallach mòr agaibh. Togaidh e sin dhibh, agus aithnichidh sibh saorsainn a’ mhaitheanais, agus milseachd gràidh saoraidh Chriosd ar Tighearna. Oir lionaidh an lànachd aigese a’ mhuinntir fhalamh,—lànachd an aoibhneis agus na slàinte; lànachd an taitneis agus na sìthe bha sibh ag iarraidh cho fad gun ’fhaighinn. “Le aoibhneas tairgneamaid uisge a tobraichibh na slàinte.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB,PRINTERS, EDINBURGH. [TD 73] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1877. “CHA-N ’EIL EADAR-DHEALACHADH ANN.” “Oir cha-n ’eil eadar-dhealachadh ann: oir pheacaich na h-uile, agus tha iad air teachd goirid air glòir Dhé.”—ROM. iii. 22, 23. LE D. L. MOODY. [Dealbh] Faic taobh-duill 3. Is e sin fìrinn cho cruaidh ’s a th’ aig: an duine r’ a fhoghlum. Tha sinn ullamh air smuaineachadh gu ’m bheil sinn beagan na ’s fhearr na ’r coimhearsnaich, agus ma gheibh sinn iadsan beagan na ’s fhearr na sinne, feuchaidh sinn ri an toirt sios a dh’ ionnsuidh an aoin suidheachaidh ruinn féin. Ma ’s maith leat an duine ’aithneachadh, leugh an treas caibdeal dh’ ionnsuidh nan Romanach, agus tha e air innseadh gu soilleir dhuit: “Cha-n ’eil fìrean ann, cha-n ’eil fiù a h-aon.” “Pheacaich na h-uile agus thainig iad goirid.” Na h-uile. Tha cuid a dhaoine ann leis am maith sgeul am beatha bhi air a sgriobhadh fhad ’s is beò iad. Ma ’s maith leibhse sgeul ’ur beatha a leughadh, gheibh sibh e ’s a chaibdeal so, far am bheil e sgriobhta mar tha. Faodaidh neach a ràdh, “saoil mi am bheil e ’gabhail air a ràdh ‘nach ’eil eadar-dhealachadh ann.’” Their am fear nach òl boinne de ’n deoch, “There is no Difference.” August 1877. [TD 74] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1877. TD 2] “Nach ’eil mise na ’s fhearr na ’m misgear?” Tha mise ag ràdh an so, gur fearr bhi stuaim na misgeach; na ’s fhearr a bhi onorach na mi-onorach, Is fearr do dhuine a bhi direach ’n a uile ghnothuichean na bhi ’toirt a’ char a daoinibh, eadhon ’s a’ bheatha so. Ach an uair a thig e gu bhi ’n a cheisd mu shlàinte an anama cha leòr sin uile, oir “pheacaich na h- uile, agus thanaig iad goirid air gloir Dhé.” Tha na h-uile duine olc a thaobh naduir; tha seann stoc Adhaimh olc; agus cha-n urrainn sinn toradh maith a thoirt uainn gus an suidhichear sinn anns an Fhionain fhior. Tha lios agamsa agus da chraoibh ubhal innte, a tha le chéile a’ giùlan ubhlan searbha, gun mhaith. Am bheil eadar-dhealachadh ann domhsa gu bheil a h-aon diubh a’ giùlan cuig ceud ùbhlan, agus an aon eile dhà, ’us iad uile olc? Cha-n ’eil, ach gu bheil na ’s mò a thoradh air an aon chraoibh na air an aon eile. Ach tha e uile olc. Is ann mar sin a tha leis an duine. Tha aon fhear a’ meas nach ’eil aige ach peacadh beag no dha—cha toir Dia aire dha sin: oir faic am fear ud eile, bhris e gach aithne de ’n deich! Ach airson sin, cha-n ’eil eadar-dhealachadh ann; tha iad le chéile ciontach; bhris iad le chéile an lagh. Tha an lagh ag iarraidh ùmhlachd iomlan; agus mur toir thu sin dà, tha thu caillte ri aghaidh an lagha. “Oir cia b’ e neach a choimhideas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon àithne, tha e ciontach de’ n iomlan.” (Seum. ii. 10.) Nan crochadh tu duine air slabhruidh anns am bitheadh deich tinne agus na ’m briseadh a h-aon diubh ciod e ged dh’ fhanadh na naoi eile slàn? Tha aon tinne ’briseadh, agus tha an duine a’ tuiteam sios. Ach nach cruaidh sin ma tha naoi tinne slàn agus gun bhi briste ach a h-aon? Cha-n eadh; ma tha a h-aon briste, is ionnan e agus iad uile bhi briste; tha an duine ’tuiteam. Agus mar sin am fear a bhriseas aon aithne tha e ’briseadh an lagha gu léir. Is peacach am, fianuis Dhé e. Seall ris a’ phriosan ud le mìle priosanach ann. Tha cuid ann air son morta, cuid air son meirle, cuid air son mi-onoir, cuid air son aoin ni, agus cuid air son ni eile. Faodaidh tìr an roinn, ach is e ciontaich a th’ annta uile. Bhris iad uile an lagh, agus tha iad uile a’ dioladh air. Mar sin tha an lagh ’toirt na. h-uile duine stigh ciontach am fìanuis Dhé. Na ’n tugadh duine fios follaiseach gu ’m b’ urrainn e gach ni a bha ann an cridhe dhaoine innseadh, am faigheadh e mòran a dh’ iarradh air e? Theid sinn gu daoine a ni dealbh ar gnùis a tharruing, agus ma ni am fear-deilbh sinn ro mhaiseach, their sinn, “Tha sin gu ro maith,” mar a dh’ fheuchas sinn do ’r cairdibh e. Ach bitheadh dealbh a’ chridhe,—oir is e sin an duine,—air a tharruing,—agus faic co a dh’ fheuchas d’ a chairdibh e. Cha-n iarradh tu eadhon do bhean-phosda ’fhaicinn! Ghabhadh tu fhéin eagal as. “Tha an cridhe cealgach thar na h-uile ni, agus anabarrach eucorach; cò is urrainn ’aithneachadh?” Cha - n aithne dhuiun ar cridheachan féin; cha-n fhiosrach sinn cho olc ’s a tha iad. Tha cuid de nithibh searbha air an sgriobhadh ’n am aghaidh-se, ach is aithne dhomh tuilleadh a dhroch nithean ’n am aghaidh féin na is aithne do dhuine eile. Cha-n ’eil maith air bith an seann nàdur Adhaimh. Tha cridhe againn ann an ceannairc an aghaidh Dhé, a thaobh nàduir, agus cha-n ’eil gràdh againn do Dhia mur ’eil sinn air ar breith o ’n Spiorad. Is farasd a thuig sinn carson nach toil le daoinibh an treas caibdeal so a dh’ ionnsuidh nan Romanach—tha e ro laidir dhoibh. Tha e ’labhairt na fìriun ro shoilleir. Ach dìreach a chionn ’us nach toil leinn e, is fheairrd sinn amharc air; faodaidh bhi gu ’m faigh sinn gur e bha uainn. Tha duine an sin a tha ’meas nach ’eil e cho olc ’s a tha iad ag radh a tha e. Tha e cinnteach gur e a ’s fhearr na a choimhearsnach ’s an ath thigh. Tha esan ’dol gu riaghailteach do’ n eaglais. [TD 75] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1877. TD 3] agus cha-n ’eil a choimhearsnach ’dol idir ann. “Gun teagamh,” ars’ esa gu toilichte. “bithidh mi na ’s usa mo thearnadh na esan.” Ach cha ghabh e seachnadh. Thug Dia dhuinne an lagh chum ar tomhas féin leis, agus a réir na riaghailt iomlain sin, “pheacaich sinn uile, agus thainig sinn goirid,” agus “cha-n ’eil eadar-dhealachadh ann.” Tha Pol a’ toirt an lagha stigh chum fheuchainn do dhuine gu bheil e millte, caillte. Bha aig Dia, mar Dhia iomlan, ri lagh iomlan a thoirt seachad, cha-n ann chum daoine a thearnadh, ach an tomhas. Tha mi airson sibh so a thuigsinn gu maith, oir tha na miltean a’ tuisleadh aig a phuinng. Tha iad ’feuchainn ri iad fhéin a thearnadh le bhi ’coimhead an lagha, ’n uair nach do thearuinn an lagh peacach riamh. Bha daoine ’feuchainn r’ a choimhead, ach cha d’ rinn iad e, agus cha dean gu bràth. Foighnich o Phol carson a thugadh e. Is e so a fhreagradh: “Chum gun druidear gach uile bheul, ’us gu ’m bi an saoghal uile air a thoirt a stigh ciontach am fianuis Dhé.” (Rom. iii. 19.) Anns an treas caibdeal so de na Romanaich chaidh an saoghal a chur fo dhearbhadh, agus fhuaireadh ciontach e. Thainig a’ bhinn mach ’n ar n-aghaidh uile—luchd-teagaisg, luchd-dreuchd, agus buill eaglais, cho maith ris a’ mhac stroigheil, agus a’ mhisgear—“pheacaich iad uile agus thainig iad goirid.” Thubhairt mi ri mo theaghlach beag là, beagan roimh an teine mhòr ann an Chicago, “Tha mi ’tighinn dachaidh an diugh gu ’ur toirt leam cuairt ann an carbad.” “Oh,” ars’ am fear a ’s lugha. “bheir sibh mise a dh’ fhaicinn nam mathghamhan ann an Lincoln Park?” “Bheir.” Tha fhios agaibh gur maith le gillean beaga mathghamhain fhaicinn. Cha b’ fhad a bha mise air falbh ’n uair a thubhairt am fear beag, “A mhàthar, bithibh ’g am dheanamh deas.” “Oh,” ars’ ise, “is fhad mu ’n tig d’ athair.” “Ach bu mhaith leamsa bhi deas.” Mu dheireadh bha e deas gu dol a mach,—’eudan air a nigheadh, agus ’eudach grinn, glan. “Nis, feumaidh tu toigh a ghabhail nach salaich thu thu fhéin a rìs,” ars’ a mhàthair. Bheireadh esan a’ cheart aire air sin. Dh’ fhalbh e an sin a dh’ fheitheamh riumsa. Ach bha an ùine fad, agus an ceann goirid thoisich a’ chluicheadh.’ ’N uair a rainig mise bha ’eudan làn salchair. “Cha-n urrainn mi do thoirt leam mar sin, Uilleim,” arsa mise. “Carson?” ars’ esa, “thubhairt sibh gu ’n tugadh sibh leibh mi.” “Ach, cha-n urrainn mi: tha thu cho salach. Cha bhithinn air m’ fhaicinn le gille cho salach agam.” “Carson, tha mi glan; ghlan mo mhàthair mi.” “Mata, shalaich thu thu fhéin o sin.” Ach thòisich e air gal, ’s a radh rìs, “Tha mi glan, ghlan mo mhàthair mi.” An d’ rinn mi deasboireachd ris? Cha d’ rinn, ach thog mi suas e, ’us thug mi stigh e, agus dh’ fheuch mi dha ’aghaidh ann an sgàthan. Cha robh focal aige r’ a ràdh. Cha chreideadh e mise, ach bu leòr aon sealladh anns a’ sgàthan; chunnaic e le a shuilibh fhéin; cha d’ thubhairt e rìs nach robh e salach! Nis dh’ fheuch an sgàthan da gu ’n robh ’eudan salach. Ach cha do ghabh mise an sgàthan gu a nigheadh leis; cha do ghabh. Ach is e sin a ni na miltean. Is e an lagh an sgàthan anns am faic sinn sinn féin, chum fheuchainn cho salach, truaillidh, ’s a tha sinn am fianuis Dhé; ach is ann a ni iadsan meadhon glanaidh dhoibh fhéin dheth. Tha so ’dol air aghart o cheann sé mile bliadhna, agus cha do ghlanadh duine fhathast leis. Cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh ’n a fhianuis-san tre oihribh an lagha. Cha robh ann ach aon duine riamh a choimhid an lagh, ’us b’ e sin Criosd. Nan d’ rinn e aon pheacadh bha ’obair uile gun bhrìgh dhuinne. Ach dh’ fheuch daoine ri sud a dheanamh, ’us cha d’ rinn iad e. An àite fhìreantachdsan, thairg iad do Dhia an cuid féin. Agus b’ aithne do Dhia cho truagh ’s a bha e. “Cha-n ’eil fìrean ann, cha-n ’eil fiù a h-aon.” (Rom, iii. 10.) Ach nach fhearr ar cionta ’aith- [TD 76] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1877. TD 4] neachadh, agus teicheadh do Chriosd, na dol sios a dh’ ifrinn n’ ar codal, gun fhìos air gur peacaich sin. “Mata, am bheil dòchas ann domhsa?” tha thu ag ràdh. “Ciod e thig dhiom? Ma tha so uile fior, tha mi caillte. Bha mi a’ peacachadh riamh.” Taing do Dhia, mo chairde, is ann an so tha an Soisgeul a’ tighinn a stigh. “Rinn e esan ’n a iobairt pheacaidh air ar sonne do nach b’ aithne peacadh.” (2 Cor. v. 21.) “Ach lotadh e airson ar peacaidhne, bhruthadh e airson ar n-aingidheachdan; leigeadh airsan smachdachadh ar sìthe, agus le a chreuchdaibh-san shlànaicheadh sinne. Chaidh sinn uile mar chaoraich air seacharan; thionndaidh sinn gach aon d’ a shlighe féin; agus leag an Tighearn airsan aingidheachd gach aon dinn.” (Isa. liii. 5, 6.) Tha thu a’ farraid dhiomsa, ciod e mo dhòchas; is e gu ’n do bhàsaich Criosd airson mo pheacaidh, ’n am àite, agus air an aobhar sin is urrainn mi dol a stigh do ’n bheatha mhaireannaich. Tha thu a’ farraid de Phol ciod e bha ’n a dhòchas da. “Bhàsaich Criosd airson ar peacaidhean a réir nan sgriobtuir.” (1 Cor. xv. 3.) B’ e so dòchas nam mairtireach ’n am bàs. Thoir uam Criosd a’ seasamh ’n am àite, agus chaill mi mo dhòchas. Leis an lagh, as eugmhais Chriosd, chaidh sinn a dhìth. Bhris sinn an lagh ’us cha-n ’eil aige dhuinn ach claidheamh ceartais. Eadhon ged a b’ urrainn sinn a choimhead o so a mach, tha na chaidh seachad ann de pheacadh gun mhaitheadh. “As eugmhais dortadh fola cha-n ’eil maitheanas peacaidh ann.” (Eabh. ix. 22.) Cha-n ’eil teàruinte ach an neach a fhuair fasgath air chùl oibre chriochnaichte Chriosd. Ni esan an ni nach dean an lagh gu bràth dhuinn. Thug e ùmhlachd dha agus is leòr ’ùmhlachd dhuinne. Dh’ fhuiling e a pheanas air ar son. “Neach a ghiùlain ar peacanna e féin ’n a chorp féin air a’ chrann.” (1 Pead. ii. 24.) Thug mi oidhirp air an seann, seann, sgeul ’innseadh dhuibh, gu ’m bheil daoine ’n am peacaich. Faodaidh cuid romham bhi a’ meas gur diomhain e. Is aithne do Dhia gur peacach mi, tha sin cinnteach. “Mata, a charaid, tha naigheachd agamsa dhuit.” Tha e cho farasda do Dhia do thearnadhsa a bhris na deich aitheantan, ris an fhear nach do bhris ach a h-aon. Tha sibh le chéile marbh ’s a pheacadh. Cha-n i a’ cheisd cho fad ’s a tha thu marbh, no cho marbh ’s a tha thu. Cha-n ’eil eadar-dhealachadh ann. ’N uair a thachair bantrach Nain ri Criosd, le corp a leinibh ’g a ghiùlan do ’n uaigh, leagh a chridhe; chuir e stad orra, agus thog e am marbh a bha marbh o chionn ghoirid. Agus aig uaigh Lasarus thog e an neach bha márbh ceithir laithean. Bha e cho farasda dha ràdh “Lasaruis, thig a mach,” ris a’ ghille a thogail. Bha; cha robh eadar-dhealachadh ann. Mata, na smuainich nach urrainn Criosd do thearnadh, Bhàsaich e airson nan daoine aindiadhaidh. Agus ma philleas tu ris a nis gu h-onorach, agus ma ghabhas tu ris mar do Shlànuidhear agus do Dhia, gu h-aon-fhillte, tha ughdarras ’fhocail agam gu ràdh (Eoin vi. 37) “nach tilg e air chor ’s am bith a mach thu.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 77] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1877. “AN NASGAIDH!” “Bheir Dia, do gach neach gu pailt, agus cha dean e maoidheamh.”—SEUM. i. 5. [Dealbh] Faic taobh-duill 3. BHA mi o chionn ghoirid air mo chomharrachadh chum saothrachadh, car ùine bhig, dlù do ’n mhuir an Sasunn. Bha tigh mòr air a ghabhail airson nan coinneamhan air an t-Sàbaid. Air an là chaidh mise ann, agus bha mi air mo thoirt stigh do thalla mòr goireasach, fur an robh ullachadh air a dheanamh airson aoraidh fhollaisich. Thug mi giullan leam chum laoidhean a thoirt seachad, agus air dhomh esan fhàgail a mach, chaidh mi stigh a dh’ fheitheamh ris a’ choithional. B’e an uair chomharraichte leth uair an deigh deich; agus aig deich uairean thoisich na cluig gu labhar air seirm. Dh’ fhuirich mise, ach cha d’ thàinig duine. Sheall cuid de na cleasaichean a stigh ann, agus cuid de na gillean-buird, ach cha d’ fhan a h-aon diubh, agus aig aon uair deug, b’éigin domh fàgail, ’us iad sud mu ’n dorus agus a’ fanoid orm airson mar thachair. Bha tràigh na mara faisg air làimh; agus bha e “For Nothing.” September 1877 [TD 78] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1877. TD 2] sin dubh le sluagh de gach seorsa, a’ coiseachd, a’ gabhail an socair, agus a’ suidh ri aghaidh na gréine. Mar a ghabh mi air m’ adhart leam féin, dh’ fhairich mi gliocas a’ mhaighistir ann an cur nan deisciobul a mach ’nan dithis ’us ’nan dithis comhluath. Nan robh aon charaid agam, cha bhithinn cho aonaranach; ach bha mi leam féin. Air sin thog mi suas mo chridhe ris an Tighearn, ag iarraidh gu’n oibricheadh am mealladh-dochais a fhuair mi chum a ghloir anns an oidhirp bha mi nis gu toirt air searmonachadh mach air an tràigh. Ann an àite far an do chlaon an cladach sios, sheas mi le mo chulthaobh ris an fhairg, agus m’ aghaidh ris an t-sluagh mhòr bha shuas os mo chionn. Leugh mi, cho labhar ’s a dh’ fhaodainn, an cuigeamh caibdeal deug thar dha fhichead de Isaiah, agus an sin rinn mi ùrnuigh. Air m’ ullachadh mar so airson labhairt mu Iosa, sheall mi timchioll, agus chunnaic mi na ceudan ag éisdeachd. B’éigin domh an t-searmoin a bh’ agam a chur uam, agus mi fhéin a thilgeadh air an Tighearn airson focail a bhitheadh freagarrach. Thoisich mi mar so:— “Tha mi airson sibh a smuaineachadh air gaoith gheir o’n ear, an oidhche a’ tighinn, an sneachd a’ tuiteam, agus sraid bheag shalach ann an ceann shios Lunnuin. Cuiribh iad sud cuideachd, agus duine mòr làidir, ann an cota mòr garbh, le eudach-dionaidh mu ’n amhaich aig, agus e cogadh ri gaoith ’us stoirm air a shlighe. Tha an dorchadas a’ tighinn gu luath, mar a tha duine le bascaid air a cheann a’ tighinn timchioll air oisinn na sràide, agus tha dithis againn ann, aon air gach taobh. Tha esan ag éigheachd gu labhar, ‘Sgadain! tri air sgillinn! Sgadain dhearga, maith ’us saor, tri air sgillinn!’ Thainig e thairis, mar a ghluais e, gus an aite ’s an robh mise ’n am sheasamh. An so sheas e, le toil còmhradh bhi aig ri neach eigin, mar shaorsainn dha, ’us e ’deanamh cho beag air a cheannachd. Shaoil leis mise a bhi freagarrach ’us thàinig e thugam. “‘A mhaighistir (cha robh mòran de choslas ministeir orm) ciod e ’ur barail air an sgadan a th’ agam an so?’ “Mar a labhair e, bha trì aige ’n a laimh, agus a’ chuid eile aige gu seòlta air an coimhead ’s a bhascaid air a’ cheann. “‘Nach maith iad, saoil sibh?’ ’us e ’gan tairgseadh dhomh, gu ’n cur ri mo shròin, ach cha do gabh mi ris an tairgse, ‘agus nach saoil sibh gu bheil iad saor?’ “‘Tha mise cinnteach,’ ars’ mise, ‘gu bheil iad maith agus saor.’ “‘Mata, a mhaighistir, carson nach urrainn mi an reiceadh? Tha mi air coiseachd mìle gu leth air feadh na sràide truaighe so, ’g an tairgseadh, maith agus saor, agus cha cheannaich duine iad!’ “‘Cha-n ’eil sin ’cur iongantais ’s am bith ormsa,’ ars’ mise. “‘Carson? Innsibh dhomh carson.’ “‘Cha-n ’eil obair aig an t-sluagh, agus tha iad a’ fulang gorta: tha tighean air feadh so anns nach robh sgillinn o cheann iomadh latha,’ is e thubhairt mise a’ freagairt. “‘Mata, a mhaighistir,’ ars’ esan, ‘chaidh mi am mearachd an tràthsa; bha fhios agam gu ’n robh iad bochd, ach shaoil leam gu ’n deanadh trì air an sgillinn an tarruing. Ach mur ’eil na buinn-sé aca, cha-n urrainn iad an caitheamh; agus cha-n ’eil agam ach an toirt leam, agus feuchainn ri ’n reiceadh ann an àite eile. Shaoil leamsa le ’n reiceadh saor, mar a cheannaich mi saor iad, gu ’n deanainn maith dhoibh, agus gu ’n cosnainn beagan dhomh fhéin. Ach tha mi air mo mhealladh an tràthsa co dhiubh.’ “‘Ciod e a ghabhas tu air na th’ agad?’ ars mise. “Sheall e rium gu geur—leag e am bascaid—chunnt e an t-suim—agus dh’ fharraid e le fiamh gàire air a ghnùis— “‘An e mo bhuannachd ’us eile tha uaithe?’ “‘Is e.’ “‘Mata, gabhaidh mi ceithir tastain, agus bithidh mi toilichte am faighinn. [TD 79] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1877. TD 3] “Chuir mi mo làmh ’n am phòca, thug mi an t-suim as, ’us thug mi dha e. “‘Is e so e, a mhaighistir!’ ars’ esa. ‘Gu ’n robh maith agaibh! Ciod e ni mi leo?’ mar a chuir e an t-airgiod ’n a phòca. “‘Gabh timchioll air an oisinn tha so,’ arsa mise, ‘agus éigh an teis meadhon an rathaid, Sgadain an nasgaidh! agus thoir tri dhiubh do na h-uile neach, sean ’us òg, a thig ’g an iarraidh, gus am bi am bascaid falamh.’ “Air dha so a chluinntinn, sheall e ris an airgiod rìs, bonn air bhonn, dh’ fheuchainn an robh iad maith. Air dha fhaicinn gu ’n robh iad làn mhaith, chuir e air ais ’n a phòca iad, agus sheall e gu geur rium. “‘Am bheil iad maith?’ arsa mise. “‘Tha,’ ars esa. “‘Mata,’ arsa mise, ‘is leamsa an sgadain, agus feudaidh mi mo thoil fhéin a dheanamh leo; ach mur dean thusa mar is maith leamsa, thoir dhomh air ais mo chuid airgid.’ “‘Agus is leibh iad, a mhaighistir; so uainn e, ma ’s e sin ’ur toil!’ “Chaidh e an sin gu meadhon na sràide, agus dh’ fhalbh e ag éigheachd, ‘Sgadain an nasgaidh! deagh sgadain dhearga an nasgaidh!’ “Sheas mise aig an oisinn ’g am fholach féin, ach a toirt aire do na bha ’tachairt; agus an ceann beagan ùine ràinig e tigh far an robh bean ard, chaol, a b’aithue dhomh a’ sealltuinn sios air o uinneig fhosgailte. “ ‘So agaibh a bhean! dh ’éigh e, ‘Sgadain an nasgaidh! an deagh chothrom! Thigibh ’us gabhaibh iad!’ “Chrath a’ bhean a ceann, mar nach robh i a’ creidsinn, ’us dh’fhàg i an uinneag. “‘An t-amadan mor!’ ars’ esa; ‘ach cha bhi iad uile mar sin. Sgadain an nasgaidh!’ Thainig leanabh beag d’ a ionnsuidh, agus thubhairt e rithe, ‘So mo ghraidh, thoir iad so leat do’d mhàthair, agus innis dhi cho saor ’s a tha iad—sgadain an nasgaidh!’ Ach ghabh an leanabh eagal as, agus theich i. Mar sin ghabh an t-iasg saor sios am measg shneachd agus eabar na sràide, am fear-reicidh ag éigheachd, ‘Sgadain an nasgaidh!’ agus a rìs, ‘Na h-amadana!’ ann an guth na ’s illse. “‘Ro mhaith!’ ars’ mise, mar a ràinig e an oisinn rìs. “‘Ro mhaith!’ ars’ esan, ‘ma ’s e sin ’ur barail-se. An uair a thug sibh an t-airgiod dhomhsa airson sgadain nach robh uaithe, shaoil leam gu’n robh sibh a’deanamh ullamh airson tigh-chuthaich. Nis is e mo bheachd gur cuideachd fhreagarrach dhuibh na tha an so de shluagh. Ach ciod e ni mise leis an sgadain, mur ’eil feum agaibhse orra, ’us nach gabh iadsan iad?’ “‘Feuchaidh sinn rìs riu, ’us theid sinn ann cuideachd, ’us éighidh sinn le chéile,’ ars’ mise. “Mach air an rathad chaidh sinn; agus dh’éigh esa aon uair eile, ‘Sgadain an nasgaidh!’ “An sinn dh’ éigh mise, ‘An gabh neach air bith sgadain gu’n tì?’ “Chuala iad an guth, agus dh’ aithnich iad e; agus thainig iad a mach comhluath, ’n an dithis ’us ’n an triùir, daoine, mnathan, ’us clann, a’ strì airson an éisg thaitnich. Cho luath ’s a b’urrainn mise an toirt as a’ bhascaid, thug mi trì do gach aon, ’us ann an tiotadh bha e falamh. An uair a bha, bha an àireamh nach d’ fhuair dad na ’s mò na ’n àireamh a fhuair; ach bha iad ro anmoch,—cha robh tuilleadh ‘sgadain an nasgaidh ann!’ “Bha bean ard an sud bha ro dhiombach, agus thòisich i air a ràdh le guth ard, ‘Carson nach d’ fhuair mise dad? Nach ’eil mi cho maith riusan? Nach ’eil ocras afr mo chloinn-se? Carson nach d’ fhuair mi cuid?’ “Mu’m b’urrainn mise focal a fhreagairt, shìn am fear-reicidh mach a ghairdean d’ a h-ionnsuidh, ag ràdh, ‘Am bheil fhios agaibh, a mhaighistir, sin an dearbh bhean do ’n do thairg mise iad an toiseach, agus cha ghabhadh i iad.’ “‘Cha ghabhadh,’ ars’ ise, ‘cha do chreid mi thu!’ “‘Sin thu le do mhichreidimh, chaill thu iad!’ ars’ esa, ‘oidhche [TD 80] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1877. TD 4] mhaith dhuibh, a mhaighistir, ’us gu’n robh maith agaibh!’” Mar a dh’ innis mi an sgeul air an tràigh thionail an sluagh, agus rinn iad gàire ’n uair a chuala iad e. B ’e àm mo chothroim-se a nis e: agus thubhairt mi, “Cha-n urrainn sibh gun ghàireachdaich ris an sgeul neònach ud, a tha uile fior. Ach am bheil sibh cinnteach nach deanadh sibhse an ni ceudna—nach bitheadh sibh cho michreidmheach riu? Seadh, nach faod sibh bhi iomadh fillte na ’s miosa? Cha robh ann doibhse, mar thoradh am michreidimh, ach brù falamh beagan na ’s fhaide, ach ciod e ni ’ur michreidimh oirbhse?—Chuir Dia—cha-n e daoine—a theachdairean-sa d’ ur n-ionnsuidh o chionn fhada, a thairgseadh maitheanais dhuibh an nasgaidh! sìth an nasgaidh! slàinte an nasgaidh! Chuir e a dh’ ionnsuidh na tighean, ’us na cridheachan agaibh, tairgsean cho gràdhach ’s a b’ urrainn bhi air an tabhairt le Dia féin; ’us ciamar a ghabh sibh riu? An robh sibh aig an t-saothair freagradh idir a thabhairt? Nach do phill sibh uaithe coslach ris a’ mhnaoi, ann am michreidimh iomlan? Tha mòran ann a chuala guth a chreid iad, agus fhuair iad tiodhlacan Dhé; ach tha sibhse fhathast gun dòchas air an talamh, no dòchas air neamh, a chionn ’us nach creid sibh teachdairean Dhé, ’n uair a bheir iad tairgse dhuibh, a réir ’àithne, air na tha a dh’ uireasbhuidh oirbh an tìm ’s am bith-bhuantachd—an nasgaidh? “Gabhaidh rabhadh o ’n aireamh mhòr ud de luchd-iarraidh ocrach nach d’ fhuair dad. An uair a chunnaic iad an tairgse bhi fior, agus a bha iad deònach roinn a bhi aca, bha iad ro anmoch! Bha iad làn thoileach an sin còir a bhi aca, ach is ann a thainig an eòlas agus an creidimh gu’n truaighe agus an ocras a mheudachadh! “Na bitheadh e mar so leibhse! Na bithibhse am measg an treud mhòir sin aig am bi mealladh-dòchais, a gheibhear fo éigin creidsinn, ’n uair nach dean creidimh maith sam bith dhoibh; aig an dean an eòlas, n’ uair a thig e, oir thig e, an bròn siorruidh a leasachadh, a chionn ’s gu’ n toir e fios doibh gu’ n robh an creidimh ro anmoch, leis an dàil a chuir iad ann!” Mar a sheall mi air an t-sluagh, sguir an gàireachdaich, agus bha cuid diubh mar nach bitheadh iad ro shocrach ’n an inntinn. “Nach tig sibh chum Dhia trid Iosa nis?” arsa mise riu. Tha e ’feitheamh oirbh ’s a’ tagradh ruibh! Tha slainte choimhlionta, shaor, shiorruidh; saorsa gus a cheum a ’s fhaide, iomlan; maitheanas, cabhar, seòladh, agus beannachd, ann uile an nasgaidh!—‘gun airgiod ’us gun luach.’ A chàirde, chaidh iocadh air an aran, ged a chaidh a thoirt seachad saor a rìs. Mar sin dh’ iocadh air an t-slàinte agaibhse, agus thàinig mise o ’n bhaile mhòr gu cathachadh oirbh gabhail, ’s a bhi sona, sàbhailt, gu bràth!” Ged nach robh àite uaigneach agam gu ’n toirt ann, bu mhaith bhi ’gluasad air an tràigh, a’ nochdadh slighe Dhé na ’s coimhlionta do chuid a chaidh a dhùsgadh leis an toiseach teagaisg ud air cladach a’ chuain. An t-urr. I. C. Whitmore. ha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir .leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 81] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1877. “CIA MAR A THA THU?” “Pilleamaid agus faiceamaid ar braithrean . . . . cia mar a tha iad.”—GNIOMH. xv. 36. [Dealbh] A LEUGHADAIR, tha a’ cheist cho gnàthaichte ’s a theid a chur. Thubhairt na miltean r ’a chéile an diugh, tha mi cinnteach, “Cia mar a tha thu?” Is gné labhairt mhodhail a th’ ann, gun mhòr bhrìgh mar is trice. Ach gidheadh, is ceist mhòr i ann an seadh. Is e sin seadh spioradail:—“Cia mar a tha thu, a thaobh cor d’ anama?” Is e sin a bha air aire Phoil an uair a thubhairt e ri Barnabas, ann an Gniomharaibh nan Abstol, “Pilleamaid agus faiceamaid ar braithrean, . . . . cia mar a tha iad.” Tha an là againn ’n a là de shochairibh mòra spioradail. O thoiseach an t-saoghail cha robh ’leithid a chothrom aig duine air slàinte fhaighinn d ’a anam ’s a th’ ann nis. Tha sinn beò mar an ceudna air là ’s am bheil cunnart mòr spioradail ann. Cha robh na h-uiread a dh’ aideachadh riamh ann air an diadhachd. Mata tha feum air féin-cheasnachadh ann. A leugh- “How do you do?” October 1877. [TD 82] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1877 TD 2] adair, an uair a sheallas tu timchioll, cha ghabh thu iongantas ged a theirinn-se riut, “Ciamar a tha thu, a thaobh d’ anama?” Eisd rium, ùine bheag. Gabh foighidin,ged a theirinn cuid de nithibh searbha, cruaidhe, a réir coslais. Is e an caraid a ’s fearr a dh’ innseas an fhìrinn uile. (1) Cuiream mar cheist ort, am bi thu a’ smuaineachadh idir mu d’ anam? Tha miltean ann ’us cha leig iad a leithid de smuain stigh ’n an cridhe. O thoiseach gu deireadh na bliadhna, cha-n ’eil smuain aca ach mu ghnothuichean an t-saoghail, mu thoilinntinn fheòlmhoir, mu ghnothuichean na rioghachd, mu airgiod, no riarachadh miann air choireigin. Cha-n ’eil smuain aca mu ’n bhàs, mu bhreitheanas ’us bithbhuantachd, mu neamh, ifrinn, agus saoghal ri theachd. Cha chuir iad an aghaidh na diadhachd oir cha-n ’eil na h-uiread a chùram aca m’ a déighinn; ach ithidh iad ’us òlaidh iad, ’us coidlidh iad, ’us coisnidh ’us caithidh iad airgiod, mar gu ’n robh an diadhachd ’n a ni gun bhrìgh. Cha-n ’eil caitheamh-beatha a ’s gòraiche ann; ach cha-n ’eil iad a’ cleachdadh bhi ’smuaineachadh air. Is e th’ ann nach smuainich iad air Dia mur cuir euslainte eagal orra, no bàs ’n an tigh, no sgiorradh air choireigin. Tha iad mar bha Gallio, gun “suim do na nithibh sin;” cha bhuin iad doibh. (Gniomh. xviii. 17.) Ma shoirbhicheas leo ’s an t-saoghal, agus ma choisneas iad saoibhreas ’us inbhe mhaith, is mòr an cliù a gheibh iad. Ach airson sin, cha bhi iad beò gu bràth. Bithidh aca ri bàsachadh, agus ri taisbeanadh am fianuis caithir-bhreitheanais Dhé; agus an sin ciod a’ chrioch a bhitheas ann? A leughadair, an uair a tha àireamh an leithid sud cho lionmhor ’s an tìr, an iongantach ged a chuirinn-se a’ cheist ort, an ann diubh a tha thu? (2) Cuiream mar cheist ort am bheil thu a’ cleachdadh ni air bith a dheanamh airson d’ anama? Tha miltean ann a smuainicheas, air amaibh, mu ’n anamaibh, ach cha teid iad na ’s fhaide. An deigh searmoin chumhachdaich,—no tiodhlacaidh,—no ri àm tinneis,—no air an-t-Sàbaid,—no fo fhreasdailibh searbha,—no ’n uair a chì iad Criosdaidh mòr,—no ’n uair a gheibh iad leabhar mhaith,—smuainichidh iad an sin, agus ni iad bruidheann mu ’u diadhachd, air dòigh. Ach stadaidh iad an sin, mar gu ’m bu leòr smuaineachadh ’us bruidheann gu ’n teàrnadh. Tha iad a’ sior rùnachadh, ’s a ’cur romha, ’s ag iarraidh, ’s ag ràdh gur aithne dhoibh an ni tha ceart, agus gu ’n ruig iad air mu dheireadh; ach cha dean iad aon ni. Cha tréig iad seirbhis an t-saoghail agusa’pheacaidh,—cha tog iad an crann-ceusaidh, agus cha lean iad Criosd,—cha-n ’eil ùmhlachd ’n an aideachadh. A leughadair, air là mar a th’ againne, ’n uair tha eisdeachd agus smuaineachadh gun deanamh, cho cumanta, cha-n iongantach ged a chuirinnse a’ cheist ort, “Ciamar a tha thu, a thaobh d’ anama?” (3) Cuiream mar cheist ort, am bheil thu a’ feuchainn ri do choguis a shàsuchadh le dealbh diadhachd a mhàin? Tha miltean ann a tha’ deanamh long-bhriseadh air a’ charraig so. Mar a rinn na Phairisich o shean, ni iad mòran saothar mu dhiadhachd o ’n leth mach, ’n uair a tha iad aineolach air ’n a spioradalachd. Theid iad a dh’ ionnsuidh na meadhonan, agus cleachdaidh iad gach dòigh aoraidh gu freagarrach: frithealaidh iad gu riaghailteach air ordugh na suipeir; leanaidh iad gu dlù ris an eaglais no ris an aideachadh aca féin, ’us cogaidh iad ris na daoinibh nach cord riu; ach, gidheadh cha-n ’eil àite aig an diadhachd ann an cridhe. Faodaidh duine ’s am bith fhaicinn air ball gu’ m bheil an aignidhean suidhichte air nithibh talmhaidh, agus cha-n ann air na nithibh a tha shuas. A leughadair, tha feum air tuilleadh agus frithealadh air na meadhonaibh chum ar n-anaman thoirt a dh’ ionnsuidh glòire. Aon uair eile tha mi ’cur na ceiste, “Ciamar a tha thu, a thaobh d’ anama?” (4) Cuiream mar cheist ort, an d’ [TD 83] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1877. TD 3] fhuair thu maitheanas do ’d pheacaidhean? Is éigin duinn uile aideachadh gu bheil sinn ann an tomhas beag no mòr “’n ar peacaich;” agus mar pheacaich, gu bheil sinn ciontach an làthair Dhé, agus gu bheil sinn mar sin ’cur feum air maitheanas, air neo gu ’m bi sinn air ar faotainn caillte gu siorruidh air an là mhòr. A nis is e glòir soisgeil Chriosd gu ’m bheil e ag ullachadh air ar son an dearbh mhaitheanas air am bheil sinn a’ cur feum,—iomlan, saor, coimhlionta, siorruidh agus foirfe. Cheannaicheadh am maitheanas so dhuinne le tighinn an t-Slànnidhir a stigh do ’n t-saoghal, agus le e bhi beò, bhi ’bàsachadh, ’s a’ bhi ’g éiridh a rìs mar ar n-Urras, agus air ar son. Cheannaich e dhuinn e le ’fhuil ro luachmhor fhéin a thoirt mar phrìs, le fulang ann ar n-àite air a chrann, agus riarachadh a thabhairt airson ar peacaidhean. Ach cha-n ’eil am maitheanas so, mòr, làn, agus glòrmhor mar a tha e, ’tighinn a dh’ ionnsuidh na h-uile neach mar ni cinnteach. Is ni e ’dh’ fheumas na h-uile neach gabhail d’ a ionnsuidh féin trid creidimh,agus a chuid fhéin a dheanamh dheth trid creidimh, airneo, d’ a thaobhsa, fhuair Criosd bàs an diomhanas. “An ti a chreideas anns a’ Mhac tha a’ bheatha mhaireannach aige; agus an ti nach creid anns a’ Mhac cha-n fhaic e beatha, ach tha fearg Dhé a’ gabhail comhnuidh air.” (Eoin iii. 36.) Tha Iosa comasach agus deònach air tearnadh: ach is éigin do ’n pheacach tighinn a dh’ ionnsuidh Iosa agus creidsinn ann. Tha na h-uile a tha ’creidsinn air am fìreanachadh, agus a’ faighinn maitheanas air ball; ach as eugmhais creidimh cha-n ’eil maitheanas ann. Agus is ann an so tha a’ phuinng, tha eagal orm, far am bheil na miltean an cunnart a bhi caillte gu siorruidh. Is urrainn iad a ràdh, is e Criosd an Slànuidhear, ach cha-n urrainn iad a ràdh mo Shlànuidhear.” Thubhairt Martin Luther, “Tha mòran air an call a chionn ’s nach urrainn iad sealbh a ghabhail ann an Criosd doibh féin.” A leughadair, n uair is e so cor mhòrain an diugh, cha ruig thu leas iongantas a bhi ort ged a chuirinn-se a’ cheist ort, an d’ fhuair thu maitheanas do ’d pheacaidhean? (5) Cuiream a’ cheist ort an d’fhuair thu aithne riamh air bhi air d’ iompachadh gu Dia? Gun iompachadh cha-n ’eil teàrnadh. “Mur bi sibh air ’ur n-iompachadh, agus mur tig sibh gu bhi mar chlann bheag, cha teid sibh a stigh do rioghachd neimh.”—“Mur beirear duine rìs, cha-n fhaic e rioghachd Dhé.”—“Mur bi Spiorad Criosd aig neach, cha bhuin e dha.” (Mat. xviii. 3; Eoin iii. 3; Rom. viii. 4.) Thoir an t-ainm a thogras tu air,—breith nuadh, aithbhreith, athnuadhachadh, cruthachadh nuadh, beothachadh, aithreachas,—is éigin an ni bhi ann mus teàrnar sinn; agus ma tha an ni ann bithidh fhios air. Is iad na comharraidhean a gheibhear air iompachadh, faireachadh air peacadh, agus fuath dha, creidimh ann an Criosd agus gràdh dha, tlachd ann an naomhachd agus iarraidh as a dheigh, gràdh do phobull Dhé agus dimeas air nithibh an t-saoghail—tha iad sin uile ’n an comharraidhean. Tha miltean ann aig nach ’eile aithne ’s am bith air, a réir coslais: tha iad marbh, ’n an codal, no dall, agus mifhreagarrach airson rioghachd Dhé. Agus fad na h-ùine so tha focail a’ Bhiobuill soilleir: “Mur iompaichear sibh, cha teid sibh a stigh do rioghachd Dhé.” (Mat, xviii. 3.) A leughadair, air ’leithid so a là, tha mi ’cur na ceist’ aon uair eile, a thaobh d’ iompachaidh, “Ciamar a tha thu?” (6) Cuiream mar cheist ort, am bheil aithne ’s am bith agad air naomhachd beatha? Is cinnteach, “as eugmhais naomhachd nach fhaic duine an Tighearn.” (Eabh. xii. 14.) Tha e ceart cho cinnteach gur e naomhachd toradh a’ chreidimh, fior chomharradh na h-aithbhreith, an t-ard fhianuis air gràs ’s an anam, toradh cinnteach air beo-aonadh ri Criosd. Lag agus neochoimhlionta ’us mar a dh’ fhaodas naomhachd nan naomh a ’s airde a [TD 84] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1877. TD 4] bhi, is e ni fior a th’ ann, agus tha a nàdur fhéin aig cho soilleir ri solus no salann. Cha-n e aideachadh mòr a ’s toiseach air: Chithear na ’s mò na chluinnear dheth. Bheir fior naomhachd air duine a dhleasdanas a dheanamh am meadhon a theaghlaich, agus ri aghaidh dearbhaidhean na beatha tha lathair ni e maiseach teagasg Chriosd. Fulaingidh e gu foighidneach cho maith ’us a ni e. Ni e duine caoimhneil, caomh, neo-fhéineil, suairc, cuimhneach air càch, gràdhach, macanta, agus làn maitheanais. A leughadair, tha mi ’cur na ceist’, a thaobh naomhachd, ciamar tha e le d’ anam? “Ciamar a tha thu?” (7) Cuiream a’ cheist ort, an aithne dhuit ni ’s am bith mu thlachd bhi agad ann am meadhonaibh nan gràs? Tha cuig nithean agam ’s an amharc ann am bhi ’bruidheann air meadhonaibh nan gràs,—leughadh a’ Bhiobuill, ùrnuidh uaigneach, aoradh follaiseach, sacramaid Suipeir an Tighearna, agus fois na Sàbaid. Fhad ’s a sheasas an saoghal, bithidh cor spioradail an duine, ann an tomhas, a réir ’us mar a chleachdas e meadhonan nan gràs. A leughadair, ciamar tha e leat? Aon uair eile, tha mi ’cur na ceist’, a thaobh meadhonan nan gràs, “Ciamar a tha thu?” (8) Cuiream mar cheist ort, am bheil thu ’toirt oidhirp air maith ’s am bith a dheanamh ’s an t-saoghal? Bha ar Tighearn Iosa Criosd a sior “’dol mu ’n cuairt a’ deanamh maithe,” fhad ’s a bha e air an talamh. (Gniomh. x. 38.) Tha ginealach ann an diugh do nach aithne bhi a’ coimhead ri cor an coimhearsnach, agus nach ’eil a’ gabhail cùram ach dhiubh fhéin, agus an teaghlach. Ithidh iad, agus olaidh iad, coidlidh iad, éiridh iad, oibrichidh iad, agus coisnidh ’us caithidh iad airgiod, o bhliadhna gu bliadhna: agus co dhiubh tha càch truagh no sona, slàn no euslan, iompaichte no neo-iompaichtc, ’dol a fhlaitheanas no a dh’ ifrinn, cha-n’eil cùram orra. An urrainn so bhi ceart? cha-n urrainn mi a smuaineachadh. Tha mòran r’ a dheanamh air na h-uile taobh. Cha-n ’eil Criosdaidh ann nach fhaigh ni r’ a dheanamh chum maith chàich ma tha toil aige a dheanamh. Is urrainn an duine no a’ bhean a ’s bochda, ged nach ’eil sgillinn aca ’s an t-saoghal, an comhfhulangas a nochdadh leosan a tha tinn agus fo bhròn. Anns a’ chùis so, mar an ceudna, Ciamar a tha e le ’d anam? Aon uair eile tha mi ’cur na ceist, “Ciamar a tha thu?” A leughadair, am bheil thu ’n ad chodal agus gun smuain mu’ n diadhachd? Oh, dùisg, agus na coidil na ’s mò! Amhairc air na claghan agus na h-àitean-amhlaicidh againn. Aon an deigh a chéile tha an sluagh ’g an giùlan d’ an ionnsuidh, agus luidhidh tusa an sin uaireigin. Amhairc romhad air saoghal tha gu tighinn, agus cuir do làmh air do chridhe, agus abair, ma ’s urrainn thu, gu bheil thu ullamh chum bàsachadh agus coinneamh thoirt do Dhia. “Duisg, thusa tha ’n ad chodal, agus éirich o na mairbh, agus bheir Criosd solus dhuit!” (Eph. v. 4.) Gabh ri tairgse Chriosd do pheacaich. Eisd ris, ag ràdh, “Thigibh do ’m ionnsuidh, sibhse uile tha ri saothair agus fo thròm uallaich, agus bheir mise fois duibh.” (Mat. xi. 28.) Rev. Canon Ryle. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 85] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1877. EANRUIG UIGHT. [Dealbh] “NACH ’eil Gliocas ag éigheachd? Nach ’eil tuigse ’cur a mach a guth? Air mullach nan àite arda, làimh ris an t-slighe, ann am meadhon nan rathad tha i ’n a seasamh. Làimh ris na geatachaibh, aig dol a stigh a’ bhaile, far an tigear a steach air na dorsaibh tha i ag eigheachd: Ribhse O fheara, tha mi ag eigheachd; agus tha mo ghuth ri cloinn nan daoine.” (Gnath. viii. 1-4.) Ann an laithibh an t-Seann Tiomnaidh bha Teachdaire na Slàinte (Criosd e fhéin) air a leigeadh ris mar so, a’ foillseachadh slighe na beatha do dhaoinibh anns na h-uile àite—cha-n ann ’s an teampull a mhàin, no ann an cruinneachaidhean àraidh, ach cia b’ e àite ’s am bitheadh anaman chum éisdeachd, air sraid, no caol-sraid, no an tigh-chòmhnuidh. Agus air dhoibh bhi fo bhuaidh na h-eisempleir ud, fhuaradh teachdairean a’ chroinn-cheusaidh riamh aig a’ bhaile agus am fad as, a’ searmonach- November 1877. “Henry Wight” [TD 86] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1877. TD 2] adh mar so do dhaoinibh. Bha Eanruig Uight, mu ’m bheil sinn ’dol a dh’ innseadh, làn de ’n obair so. Fad iomadh bliadhna, cha robh duine ann a b’ fhearr a bha air aithneachadh air sràidibh Dhuineidin, a’ tionail anaman a stigh o na h-uile cùil a ’s mò bha air a dhearmad le càch. Rugadh e ann an Duinphris, agus fhuair e, ionnsachadh an Duineidin; Bha e an toiseach airson a bhi ’n a fhear-tagraidh lagha; agus cha-n ’eil teagamh nach fhaigheadh e àite anns na Cùirtibh-lagha, nan deachaidh e air aghart. Ach an uair a fhuair e Criosd ghabhadh e a ràdh m’ a dhéighinn, a thaobh cairdean, àite, agus cuide, “gu-n do thréig e iad uile ’us gu-n do lean e esan.” Lughdaich an tlachd a bh’ aig ann an cliù saoghalta, agus mu dheireadh cha robh e idir ann, agus thug e e fhéin gu h-uile do shearmonachadh an t-soisgeil, gu h-àraidh le sùil ri peacaich a thoirt a dh’ ionnsuidh Chriosd. Bha ’leithid a mhiann aige air so, gu ’m bitheadh e ag radh ’n uair a chluinneadh e mu neach an so ’us neach an sud air an iompachadh trid cumhachd na fìrinn, “Ach is e tha uam gu h-àraidh doirteadh mòr de ’n Spiorad—ceudan ’us cha-n e aon ’us aon. Is urrainn Dia sin a dheanamh.” Agus thug an Tighearn’ leithid a bheannachd dha ’n a sheirbhis, gu-m faodar a ràdh ’n uair a thug e leis e gu glòir, nach robh cearnaidh ann an Alba no an taobh tuath Shasuinn anns nach robh cuid a bheannaicheadh ’ainm mar an athair spioradail. Airson na h-uile ni a thréig e faodar a ràdh, “gu-n d’ fhuair e a’ cheud uiread.” (Mat. xix. 29.) Cha-n urrainn sinn a ràdh gu ’n robh e air a thoirt a stigh e fhéin air mhodh bha air dhoigh ’s am bith sònraichte. Mar dhuine tuigseach leugh e leabhraichean naomha: agus ann an leughadh, am measg chàich, leabhar le Ebeneser Erscine, air “Dearbhachd a’ Chreidimh,” dhùisgeadh e gu bhi ’faicinn nach robh creidimh air bith aige fhathast a b’ fhiù an t-ainm. Thug so air gu-n do rannsaich e na Sgriobtuirean, agus gu-n d’ rinn e gnothuch ri Dia a thaobh a shlàinte; agus cha b’ fhad gus an do threòraich an Spiorad Naomh e gu cala na sìthe, trid oibre chriochnaichte Chriosd. Mar sheanair anns an eaglais do ’n do bhuin e aon uair, bha e ro eudmhor mu ’n dream a bha fo a chùram, agus thoisich e air a bhi a’ tionail luchd-àiteachaidh a’ chuid de ’n bhaile, agus Criosd a mholadh dhoibh. Bha lionmhor air an dùsgadh aig na coinnimhean ud. Ach beagan an deigh sin, an uair a bha bacadh air a chur air o bhi ’searmonachadh dhoibh sud, rùnaich e a bhi ’labhairt riu gun cheangail a bhi aige ri aideachadh follaiseach ’s am bith. Chum so ghabh e seòmar: thainig an seòmar gu bhi ’n a h-eaglais bhig, agus o sin chruinnich coithional, a leithid ’us gu’ m b’ urrainn iad Eaglais Richmond Court a ghabhail, ann an coimhcheangal ris an Aonadh aig na h-Independents. Ach b’ ann a mach air an t-sràid ’us eile a ’s mò a shaothraich e, fad naoi bliadhna deug. Bha pearsa ard, maiseach, aige, le gnùis fosgailte, saor, onorach: bha neul caoimhneis air a ghnàth, agus bha a ghuth làn agus làidir. Dh’ fhuirich an sluagh a dh’ éisdeachd ris, agus seachduin an deigh seachduin bha anaman air an dùsgadh. Cha robh beothalachd á rian ’n a dhoigh, ach eud ’us dùrachd fhior. Dh’ fhoillsich e bàs Chriosd mar dhòchas a’ pheacaich, a’ sealltuinn a ghnàth ri cuideachadh an Spioraid Naoimh. Aon uair, thog J. G., duine mu mheadhon aoise, a chuala e agus air an robh eagal roimhe, air maduinn Sabaid, mìr de thrachd diadhaidh air an robh sgriobhta na focail, “Bha mi òg, ’us a nis tha mi sean; gidheadh cha-n fhaca mi am fìrean air a thréigsinn, agus a shliochd ag iarraidh arain.” Ghluais a chridhe, agus thubhairt e ris fhéin, “Tha mi ’cur romham gu-m bi mise dhiubh sud.” Cha b’ fhad gus an d’ ràinig e an eaglais aig Mr. Uight. Bha iomadh ni ann a bhean [TD 87] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1877. TD 3] ris; ach an uair a dh’ iarr am ministear air neach ’s am bith a bha toileach bruidheann ris fuireach, thréig a mhisneachd e. Oidhche eile rùnaich e dol air aghart, agus tharruing e air ais a rìs. Air an treas oidhche, thubhairt Mr. Uight nach tugadh e cuireadh eile. “Nis,” ars’ Ian, “Dh’ fhalbh mo chothrom?” Ach chaidh e air aghart gun iarraidh, ged is minig a ghabh e seachad air an dorus, ’us ni ag ràdh ris “Na rach ann.” Mu dheireadh chaidh e stigh, dh’ fhosgail e a chridhe, agus bha e an uine bhig aig cosaibh Chriosd. Uair eile, bhruidhinn Mr. Uight ri duine nach robh airson còmhradh mu chor ’anama, ach a chuir ceisd mu ’n taghadh. Thubhairt Mr. Uight ris, “Is iad na focail air do shonsa agus air mo shonsa, Seallaibh riumsa, agus bithibh air ’ur slànuchadh, uile iomalla na talmhainn.” Lean am focal ri inntinn an duine, agus aon fheasgar aig leabaidh-bàis aon d ’a chuid cloinne thainig e le ’leithid a chumhachd, gu-n deachaidh e a labhairt ris an Tighearn air a ghlùnaibh, agus chaidh a dheanamh comasach air sealltuinn agus a bhi beò. Is maith bha fios gu-m b’ e dòigh Mhr. Uight bruidheann m’ a anam ris gach neach a thachaireadh ris. Bha cairdean ann am baile àraidh aon là a labhairt mu so, agus bha aon fhear mòr, laidir ann, aig nach robh dad air an diadhachd, a dhuin a dhorn, agus a thubhairt, nan deanadh Mr. Uight sud airsan, gu-n leagadh e air an làr e. Goirid an deigh sud bha Mr. Uight anns a’ bhaile. Bha an duine a bh’ ann de ’n “Temperance Society” mar a their iad riu, agus chuir iad a bhruidheaun ri Mr. Uight e, ag iarraidh focail earail uaithe mu’ n deoch. Dh’ aontaich Mr. Uight ach ’n uair a bha an duine ’falbh, thubhairt e ris, “Mo charaid, is maith stuaim a thaobh an deoch làidir, ach is mò slàinte an anama. An do ghabh thusa ri Criosd mar Shlànuidhear?” Bha leithid a chaoimhneas anns an doigh, ’us nach robh cuimhne air an leagadh. An àite sin is ann a leagh an duine, agus bha e toileach air tuilleadh a chluinntinn. Agus is e an toradh a bh’ ann gu-n do dhùsgadh an duine, agus mu dheireadh chreid e an soisgeul agus lean e mar Chriosdaidh soilleir ré fad a latha. Bu duine ro chiallach Mr. Uight. Air dha bhi a’ meas nach ro codal fad ’s a mhaduinn tarbhach, chuir e ’n a aghaidh ’n a chleachdadh fhéin, le urnuidh ’us caithris. Sgriobh e gu caraid, “Tha am Biobull ag ràdh, Ann am mioruin bithibh ’n ’ur leanabaibh, ach ann an tuigse bithibh ’n ’ur daoine foirfe. Bhuineadh do Chriosduidhean bhi ciallach, glic, oir tha Dia ’g ar teagasg le bhi ’soillseachadh ar tuigse. Cha toir an diadhachd gu bràth a chiall nadurra o dhuine, agus cha dean ciall nadurra Criosduidh.” A thaobh cuid a chuireas ùrnuidh ann an àite saothar, thubhairt e, ’N am bitheadh sinn ag itheadh a ghnàth bhàsaicheadh ar cuirp; agus mar an ceudna an t-anam, ’n am bitheadh sinn gun ni air bith ach ùrnnidh. Is maith altachadh nam ball de ’n chorp, agus is feairrde an t-anam cleachdadh ann an leughadh, sgriobhadh, agus coimhead dhaoine. Ni am biadh a gheibhear ’s an ùrnuidh ar beathachadh an cois cleachdadh nam ball spioradail. Is e so tha ’mealladh cuid a bhitheas ag ùrnuidh. Is e aon de chuilbheirtibh an diabhuil a ràdh ri daoinibh, “feitheamh air an Tighearna,” an uair nach dean iad a thoil, a dh’ easbhuidh air nach urrainn feitheamh a bhi ann. Leis an tuigse ghràsmhoir cheudna, theagaisg e do dhaoinibh tabhairt do aobhar Chriosd. Chunnaic e ’s an fhocal gu-n robh buileachadh air aobhar an Tighearna, aig a’ bhaile agus an céin, air a mheas ’n a shochair ard, agus thubhairt e aon uair ann an coinnimh, “Cha bu mhaith leam bhi ’n am mhinistear aig sluagh a ghearanadh air sud bhi air agradh dhiubh.” Bha e ’n a dhuine sona, suilbhir, sàsaichte. Sgriobh e d ’a mhnaoi uair mar a leanas:—“Nach maith [TD 88] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1877. TD 4] shiùbhlas an dà fhocal ud ’s a Bhiobul cuideachd, mar dha each ann an carbad—‘mi-thaingeil, mi-naomh.’” (2 Tim. iii. 2.) Uair eile sgriobh e, “Bha mi ’leughadh sgeul-beatha Uashington, agus dh’ fhoghluim mi mòran uaith mu ’m obair ’s an eaglais. Is e an ni a ’s iongantaiche leam ’fhoighidin, agus ’àicheadh air fhéin an coimeas ri cuid eile a bha cuide ris. An àite a bhi ’leigeadh dheth a dhreuchd ann an corruich,mar a dheanadh mòran, is ann a lean e air adhart a’ deanamh mar a dh’ fhaodadh e.” Ach thréig a shlàinte e. Sa’ bhliadhna 1856, chuir e mach aon mhaduinn beagan fola ’n a smugaid, agus ars’ esa, “Is e am fear a dh’ fhairich e a mhàin aig am bheil fios ciod e an dimhisneachadh a ni ’leithid sud air duine.” B’ éigin da leigeadh dheth a bhi ’teagasg. ’S an earrach 1861 chuir iad e do na tobraichean ’s a Ghearmailt. Air an 27mh là de mhios Iuin chaidh e a chodal beagan na b’ fhearr no bha e, ach mu mheadhon oidhche theich a spiorad gu sàmhach. Thug ’éisempleir misneach do mhòran, a thuilleadh air a briathraibh. Cha robh dad air a dheanamh no air a ràdh leis ’n a bhàs a bha comharraichte. Is i a bheatha a labhair: “dhasan a bhi beò b’ e sin Criosd.” Mar a thubhairt Eoin Neuton, “Tha ceist na ’s mà ann na, Ciamar a bhàsaich duine? is i sin, Ciamar a bha e beò?” A leughadair, ’n uair a thig am bàs, faodaidh e bhi, gu-m bi coslas ort a bhi ciùin, siothchaib, agus faodaidh na coimhearsnaich a ràdh an uair a shiubhlas tu, “Fhuair e fois.” Ach mur d’ fhuair thu an fhois o eagal cionta le tighinn a dh’ ionnsuidh fola Chriosd, agus fois o ’n t-seann nàdur leis an Spiorad o ’n taobh a stigh a bhi ’toirt dhuit a bhuaidh gach là, is e a dh’ fheumas bhi sgriobhta air do chlach-chuimhne “Bu mhaith do ’n duine so nach d’ rugadh riamh e.” Am bheil thusa beò do Dhia mar a bha Eanruig Uight? Na bi air do mhealladh. An ni a chuireas duine, is e sin a bhuaineas e. Thubhairt fear de na seann ùghdairibh “Leis an t-snàth ruigear air a cheartuil; air caitheamh-beatha duine aithnichear c ’àite am bi e mu dheireadh.” Is éigin gu-m bi duine gun aithbhreith ’n a dhuine caillte, oir is duine mach a Criosd e; agus is i sin riaghailt na slàinte, “Gun Chriosd, gun fhlaitheanas.” Nach amaideach a bhi a’ leantuinn Shatain a dh’ ifrinn, ’n uair a dh’ fhaodadh daoine Criosd a leantuinn chum glòire. Nach truagh a bhi a’ suidhe socrach agus ifrionn aig an dorus. Cha-n fhaighear liteadh ’s an fhocal a nochdas aon ghealladh do pheacach nach toir umhlachd do ghairm an t-soisgeil. O a leughadair! na labhair mu shìth gus an aithnich thu cumhachd fola Chriosd chum peacadh a ghlanadh as. Tha an t-sìth, ma tha i ceart ’us fior, air a steidheachadh air maitheanas, agus thig maitheanas o obair Chriosd. Is ann an sin a fhuair Eanruig Uight fois, agus aoibhneas, a lion ’anam air dhoigh ’us nach b’ urrainn e là a leigeadh seachad, gun oidhirp a thabhairt air daoinibh eile a thoirt gu bhi ’g am mealltuinn. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 89] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1877. “CIAMAR THA MI GU BHI ’CREIDSINN?” [Dealbh] O CHEANN bheagan ùine thuit gille òg o charbad ’us fhuair e gortachadh mòr. O an leth muigh bha e ’n a ghille modhail, foghluimte, agus bha e air an là ud a’ gabhail turuis air a charbad cuide ri caraid. An uair a thachair an ni, dh’ fhalbh a charaid le cabhaig mhòir a dh’ iarraidh lighich. Thainig an lighich, sheall e ris an leon, agus bha e soilleir gu ’n do mheas e gu h-olc e. Thug an duine òg an aire do n’ lighich, agus chuir e mar cheist air, an robh an leon cunnartach. Is e chaidh a ràdh ris gu h-onorach gu-n robh e ro chunnartach. “An éigin domh am bàs fhaotainn?” ars’ esa. “Tha eagal orm nach ’eil thu fada uaithe,” ars’ an lighich. Dh’ fharraid e rìs, “Am bi mi beò uair a thìm?” Is e chaidh ràdh, “Cha-n ’eil fhios am bi thu beò eadhon an fhaide sin.” Thubhairt an gille bochd, “Bha fhios agam gu-m faodadh ’leithid a thachartas bhi ann; ach cha do December 1877. “How am I to Believe?” [TD 90] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1877. TD 2] mheas mi riamh gu-n tachaireadh e dhomhsa, ’us gu-m bithinn air mo thoirt air falbh gu h-obann. Innsibh dhomh mu theàrnadh! Ciod a ni mi chum ’us gu-n teàrnar mi?” Bha caraid a làthair a dh’ fhoillsich an soisgeul dha. Dh’ iarr e le dùrachd gu-n innseadh iad tuilleadh dha mu Iosa Criosd a’ tearnadh pheacach. B’ aithne dha gur ann troimh chreidimh ann an Iosa Criosd bha duine air a theàrnadh, ach, le guth anmhuinn, thubhairt e “ACH CIAMAR?” Air an ath mhionaid dhùin a shùilean. Bha e MARBH. Chaochail e leis a’ cheist ud aige, “Ciamar tha mi gu bhi ’creidsinn?” Bhuineadh do ’n cheist ud bhi air a freagairt fad mun d’ thainig trioblaid ’us bàs a rathad. Dh’ iarr e gu dùrachdach mu dheireadh slighe na slainte a thuigsinn, ach cha dh’ fhuirich am bàs gus an d’ fhuair e freagradh. Thugadh air falbh e an uair a bha e a’ stri ri greim a dheanamh air an laimh-chuideachaidh. Tha uamhas ann am bàs obann mar a bha sin. Ach am bheil am bàs a thig air duine an déigh fulang fad miosa ceum na ’s neo-uamhasaiche, ma bhàsaicheas e gun a’ cheist ud bhi air a freagairt? Tha na miltean ann a thig gu bhi ’smuaineachadh air, nach tig aon cheum na ’s fhaide air aghart. Is éigin gu-n “creid iad anns an Tighearn Iosa Criosd” chum gu-n teàrnar iad. Ach ciamar a tha iad gu bhi ’creidsinn? Ged a tha an duine anshocrach, cha-n ’eil na h-uiread de fhior dhùrachd ann fhathast gu-n lean e ris a’ cheist gus am faigh e fuasgladh, dorcha mar a tha i dha. Tha fhios aige gu-m feum i bhi air a fuasgladh, ma s’ e ’s gu-n teàrnar esa; ach tha Satan a’ feitheamh airson ’anama ’g a chur a rìs ’n a chodal, agus tha “Imich romhad an trathsa” a’ deanamh obair fhéin aon uair eile. Tha e ag iarraidh a fuasglaidh, ach cha-n ’eil fhathasd. Ach tha am bàs a’ tighinn—gu h-obann—agus cha ghabh e diùltadh. Feumaidh am peacach bàsachadh. Agus tha e a’ bàsachadh gun Chriosd! Gu mu beannaichte gu robh Dia, gabhaidh a’ cheist ud, “Ciamar tha mi gu bi creidsinn?” a freagradh. Do pheacaich, eadhon an cinn-fheadhna, thug Dia beatha agus neobhàsmhorachd chum soluis leis an t-soisgeul. Oh a leughadair, nach bu mhaith dhuinn uile gu-m bitheadh a’ cheist so air a fuasgladh A NIS? O chionn bheagan bhliadnachan fhuair anam fo chùram ann an Dundé a freagradh air dhoigh ro shimplidh ’us ris nach robh duil aice. A’ tighinn a mach oidhche á coinnimh, sheas triùr fo chrann lòchrain ’s an t-sràid, a labhairt mu ’n teagasg a bh’ aca. Bha aon dhiubh do ’m b’ aithne Criosd a’ sparradh air càch a bhi ’gabhail ri slàinte. “Is e Criosd a bhi agam; tha mise le Criosd,” ars’ aon neach. Ars’ an neach eile, “Is e dearbhachd tha uam.” Thubhairt a caraid, “Cha-n e dearbhachd ’tha uat ach Criosd.” “Innis dhomh, mata,” ars’ ise, “ciamar a gheibh mi Criosd.” Fo sholus an lòchrain ud, sheòladh i a dh’ ionnsuidh nam focal, Rom. v. 6: “Oir air dhuinne bhi fhathast gun neart, ann an àm iomchuidh bhàsaich Criosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh,” agus chuireadh oirre a’ cheist, “C’ àite am bheil na daoine neo-dhiadhaidh airson an do bhàsaich Criosd?” “Tha a h-aon diubh làthair riut,” ars’ ise, fo ghluasad mòr cridhe. “Ma tha,” ars’ an caraid, “Dean feum de’n Iosa so a bhàsaich air son nan daoine neo-dhiadhaidh.” Ach is ann a nis a thòisich an cath. “Oh na ’n robh. faireachadh agam air, agus gràdh ’n am chridhe, an sin b’ urrainn mi creidsinn gu-n do bhàsaich Criosd air mo shon.” “Ach,” ars’ an neach eile, “nach ’eil an fhìrinn ag ràdh gur ann airson nan daoine neo-dhiadhaidh, daoine gun mhaith idir annta.” Is eadh; tha i ag ràdh sin, agus tha na focail roimhe ag ràdh, . . . “An uair a bha sinne gun neart.” Air chor ’us nach ’eil annainn ach aingidheachd, gun chomas faireachadh cho maith ri deanamh gu ceart. Bha iad gu bhi ’dealachadh, ’n uair a dh’ innis an caraid mar a leanas, air [TD 91] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1877. TD 3] dhi fhaicinn gu-n robh an sud neach a bha ag iarraidh ni nach robh an Tighearn ag iarraidh, agus a shaoil leatha gu-m bitheadh samhladh beag feumail chum obair an Spioraid fhoillseachadh:— “Bha mi là a’ faicinn màthar a bha ag iarraidh slainte a h-anama, ach nach b’ urrainn socrachadh air focal Dhé; dh’ fheumadh i cuid a bhi aice, a dh’ fhàirich i innte féin. Thainig an gille beag aice a stigh ag iarraidh ‘mìre.’” Dh’ éirich i ’us thug i dha mìr arain. Ach bha an gille mi-thoilichte, agus chuir e uaith e, ag ràdh nach gabhadh e e mur fhaigheadh e ìm ’us siucair air. Thubhairt a mhàthair ris nach tugadh i sin dha an uair ud, agus mur gabhadh e an t-aran gu-m feumadh e bhi falamh. An sin dh’ fhàg i e. Ghuil an gille beag gu goirt ’us cha ghabhadh a chur ’n a thàmh. Leig a mhàthair leis car tachdan, an sin dh’ éirich e, thog e an t-aran mar a bha e agus dh’ fhalbh e. Air dhomh sud uile fhaicinn, thubhairt mi ris a’ bhean: ‘Rinn an gille beag agad searmoin. Cha ghabh thusa focal lòm Dhé, ach feumaidh faireachadh blàth bhi agad leis, agus atharrachadh cridhe bhi r ’a fhaicinn; tha thu coslach ris a’ ghille bheag ag iarraidh i me ’us siucair.’ Thuig a’ bhean e air ball. ‘Tha mi ’faicinn, tha mi ’faicinn! sìth ’us aoibhneas ann an creidsinn, ach creidsinn an toiseach. An t-aran an toiseach, agus an t-ìm agus an siucair rìs!’” An uair a bha i ag innseadh so do ’n neach a bha fo cheist, a leig a ceann air gualainn a banachoimhearsnaich a’ gal gu goirt, dh’ fhairich a banacharaid gu-n do thog i a ceann, ’us an sin chual’ i a guth ag ràdh, “Chi mi uile a nis e! Is e th’ ann a bhi ’creidsinn an deagh sgeil an toiseach: ‘Bhàsaich Chriosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh.’ Is e neo-dhiadhaidh m’ ainm-se. Gabhaidh mi ris air ’fhocal, gun aon ni ach e. Bha mi coslach ris a’ ghille bheag. Is e bha uam gu-n atharraicheadh Dia a dhoigh agus gu-n tugadh e faireachadh dhomh air tùs; ach is e th’ ann sìth agus aoibhneas troimh chreidsinn gu-n do bhàsaich Criosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh—air mo shonsa! air mo shonsa!” Thubhairt i an sin, “Gu-n tearnadh Dia an gille beag ud, air is mòr a b’ fheairrd mise an sgeul, fhuair mi Criosd troimhe!” O an là ud tha i “a’ leantuinn Chriosd cia b ’e àite an teid e.” Tha na thachair dhi a’ teagasg dhuinne gu bheil feum againn air aithneachadh ciod e a chreideas sinn, agus co anns an creid sinn, agus ann an eolas a ghabhail air sin aithnichidh sin ciamar a chreideas sinn. Gheibh sibh aithne air mu ’s ’eil sibh ’toirt an aire ann am bhi ’faicinn “Ciod” agus “Co” anns an creid mi. Cluinneadh gach duine air thalamh, agus tuigeadh iad, gu-n d’ rinneadh Mac Siorruidh Dhe ’n a Iobairt-reite ann an àite pheacach, agus gu-n d’ thainig e gu e fhéin fhoillseachadh ann an làthair Dhé airson gach peacach a ghabhas ris. An neach a bheir dibheatha do Chriosd ’s an t-suidheachadh ud tha e a’ gabhail ris, agus tha an neach a ghabhas ris, “a creidsinn ’n a ainm,” (Eoin i. 12;) agus an neach a chreideas (cha-n e a dh’ fhairicheas) “cha dìtear e, ach chaidh e seachad o bhàs gu beatha.” (Eoin v. 24.) Is ann mar so a th’ agaibh gu bhi creidsinn. Tha sibh a’ toirt dìth a bheatha dha mar Shlànuidhear, mar Neach a sheas ’n ar n-àite, mar Fhear-giùlan ar peacaidh, mar Urras, dìreach ’leithid a neach ’s a tha ’ur ’n-anam ciontach ifrinn-thoillteanach ag iarraidh, ’s is urrainn e fhaighinn an so a mhàin. Leis a’ chridhe tha an duine ’creidsinn. (Rom. x. 10.) Is e sin, cha-n e aonta fuar tha e ’toirt do ’n fhocal, ach tha anam a’ pheacaich gu léir a toirt dibheatha do ’n deagh sgeul mu Mhac Dhé a bhàsaich agus a dh’ éirich. Tha dibheatha bhlàth air a toirt do ’n deagh naigheachd a’ deanamh soilleir ceart còmhluath gach ceist mu thimchioll “Ciamar a chreideas mi?” Agus mar sin chì thu, a cho-pheacaich, gu bheil thu aig an àm so a’ seasamh aig dorus fosgailte na h-Airce [TD 92] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1877. TD 4] —an Airce sin Iosa Criosd,—fosgailte do na h-uile neach, a dh’ fheumadh mar b’ e gu bheil i ann, bhi air a bhàthadh ann an cuan na feirge; agus ma their do chridhe “Amen” ris a’ chuireadh, “Thig,” tha thu air do thogail thar an starsnaich agus air do theàrnadh gu siorruidh. Tha crioch bliadhna eile nis faisg, ach nach fhaod cuid a ràdh, mar anns an t-Salm cvi. 6, “Pheacaich sinne, rinn sinn aingidheachd, rinn sinn gu h-olc” ro fhada? “Tha nis an uair ann gu dùsgadh á codal.” Cia b’ e do chionta, gheibhear maitheanas dha troimh Iosa Criosd. Ach tha e cho fior, cia b’ e cumhachd a’ pheacaidh oirbh, agus cia b’ e a nàdur faodar saorsa shiorruidh fhaighinn uaithe, ’n a uachdranachd agus ’n a neart, troimh Spiorad Chriosd, a tha ag iarraidh ’ur naomhachadh, agus a ghabhas comhnuidh ann an cridhe na h-uile neach a chreideas an soisgeul. Ag an àm so de ’n bhliadhna, tha e iomchuidh a bhi ’sparradh air daoinibh gur e Criosd mar chuspar creidimh a bheir buaidh air cumhachd peacaidh. “Co e sin a bheir buaidh air an t-saoghal, ach esan a chreideas gur e Iosa Mac Dhé?” (1 Eoin v. 5;) gu bheil Iosa comasach air teàrnadh a chionn ’s gur e Mac Dhe e. Is fìrinn bheannaichte e, a pheacaich, ’n uair o tha aoibhneas a’ chreidimh a’ ruighinn air an anam, gu bheil gràdh a’ pheacaidh air a lagachadh gu h-iongantach agus a’ faotainn leòn bàis. Is e so an rathad fior, mar aon ni, air buaidh a thoirt air gràdh na dibhe làidir. Is ann mar so a bheirear buaidh air gràdh toilinntinn air bith, no cumhachd buairidh. Oir is e so an doigh anns am bheil an Spiorad Naomh ag oibreachadh, a’ deanamh teampuill naoimh de dhroch cridhe. Smuainich air. An uair a gheibh duine aoibhneas maitheanais troimh Chriosd, agus gràdh air a dhoirteadh a mach air ’anam, tha tobar an anamiann, na misge, agus gach tograidh mhi-naoimh, a tòiseachadh air tiormachadh! O cheann cheud bliadhna (’s a bhliadhna 1773) bha Mr. Milner, ministear ann an Siorramachd Iorc a’ mìneachadh na h-earrainn ann an 2 Cor. v. 20, 21: “Tha sinne a’ guidheadh dhibh, an àite Chriosd, sibh bhi réidh ri Dia, oir rinn e esan do nach b’ aithne peacadh a bhi ’n a pheacadh air ar sonne, chum gu-m bitheadh sinne air ar deanamh ’n ar fìreantachd Dhé annsan.” Bha duine uasal, air an robh Uilleam Houard, an làthair, duine gun chùram, a bha beò ’s a pheacadh, ach aig an robh trioblaid coguis, agus chual’ e an teagasg, agus ghabh e ris. O ’n uair ud dh’ atharraicheadh a thoil; cha d’ fhairich e cumhachd mòr na truaillidheachd; dh’ fhalbh a thlachd anns an olc. O sin a mach b’ urrainn e a ràdh gu-n robh gràdh Dhé ’n a chridhe, agus aoibhneas na slainte, ’n am flaitheanas cho mòr dha, ’s gu-n d’ thug e buaidh air na buairidhean a b’ àbhaist bhi ’g a tharruing a thaobh. Thig agus faic! Nach dearbh thusa cumhachd an t-soisgeil? Nach dean thu e a nis? Mus tig deireadh na bliadhna so? agus mus tòisich bliadhn’ eile. Am faigh thusa, ’n ad là so féin, fuasgladh do ’n cheisd mhoir, “Ciamar tha mi gu bhi ’creidsinn?” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 93] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. A’ BHLIADHNA UR, 1878. AN “AIMSIR FHADA.” [Dealbh] Is e an Tighearn Iosa fhéin a thug dhuinn na briathran so ann an cosamhlachd a chleachd e. Tha e ag ràdh: “An deigh AIMSIR FHADA thainig Tighearn nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu,” (Mat. xxv. 19.) Tha e mar so ’bruidheann ann an aon àite air “tamull beag” agus ann an àite eile air “aimsir fhada.” Beag, gidheadh mòr; goirid, gidheadh fada; tha an dà chuid fior; agus is e an suidheachadh dà-fhillte a tha so a tha ’coimhlionadh iomlanachd cor an duine an so, ann an ullachadh airson là mòr an Tighearna. O an là ’s an d’ fhàg am Maighistir an talamh agus a chaidh e suas d’ a Athair, gus an là ’s an tig e ’n a ghlòir chum suidh air a’ chaithir mhòir, am fianuis an taisbeanar uile fhineachan na talmhainn, tha an aimsir fada ann an seadh mar a mheasas daoine i. Ach ann an seadh eile mar a mheasas Dia i, agus ann January 1878. “The Long Time.” [TD 94] [A’ BHLIADHNA UR, 1878. TD 2] an coimeas ri bithbhuantachd, cha-n ’eil an ùine ach goirid. Tha beatha an duine ’n a cheò, agus tha sin beag; tha a bheatha ’n a thurus, agus tha sin fada. Tha beatha an duine ’n a leud boise, agus tha sin beag; tha a bheatha a’ filleadh ann iomadh latha, seachduin, miosa, ’us bliadhna; agus tha sin fada. Tha beatha an duine ’n a réis, agus tha sin luath; tha a bheatha ’n a cuairt, agus tha sin mall. Tha beatha an duine mar an iolair, a’ deanamh cabhaig a dh’ionnsuidh na creiche, tha i ’n a h-àm còmhnuidh mar an ceudna. Tha beatha an duine mar spàl an fhigheadair; bha i aon uair ’n a mile bliadhna, tha i nis mu na ceithir fichead. Airson cuid a dh’aobharan is goirid là, ach airson aobharan eile tha e fada. Ann an cuid a choraibh tha bliadhna goirid, ann an coraibh eile is ùine fhad’ i. Tha mòran de so a réir na tha ri dheanamh ’s an àm, agus tha meud na h-oibre a tha ’measg làimhe a’ deanamh na h-aimsir fada no goirid ann an sealladh. Is e thubhairt duine a thuit sios, am measg bheanntaichean arda ann an sgoltadh eigh, agus a bha ’n a luidh brùite ann, “Is fhada a dh’ fhairich mi e mu ’n d’ thainig na daoine agam air an ais le buill o ’n bhaile gu mo tharruing suas.” ’Us cha robh ann ach dà uair a thìm. Ach cha-n e cho fada ’s a bha an ùine a dh’ fhàg fada aige-san e, ach a chuid fhéin pian ’us cunnart. Tha an eachdraidh bheag a leanas air innseadh mu Ghearmailteach bochd le baintighearn a bha ’g a choimhead. Bha lios beag aige anns an robh beagan chraobhan ubhal làn measa. Bha e ’n a chleachdadh aige gach là a bhi ’dol timchioll, a’ tional nan ubhal a thuit. Choinnich a’ bhaintighearn ris là ’us e mach mar sud. “Nach ’eil thu sgìth a charaid,” ars’ ise, “a’ lùbadh do dhruim cho tric?” “Cha-n ’eil, cha-n ’eil,” ars’ esa, le fiamh gàire air, ’us a’ tairgseadh dhith roinn de ’n mheas abuich. “Cha-n ’eil mi sgith,” ars es’ a rìs,“tha mi ’feitheamh, ’feitheamh. Tha mi an dòchas gu-m bheil mi ’fàs abuich a nis, agus tuitidh mi a dh’aithghearr; agus an sin togaidh an Tighearn mi. Oh,” ars’ esa, a’ bruidheann ris a’ bhaintighearn le dùrachd, “tha sibhse òg fhathast; dìreach fo bhlàth; tionndaidhidh gu maith ri Grein na Fìreantachd, chum gu-n abuich sibh gu maith.” An so bha an “aimsir fhada,” de dh’fhàs, agus de dh’abachadh; cha-n e fada an aon seadh ach fada an seadh eile; fada gu leòr chum fàs; fada gu leòr chum abachadh. Is ann mu ’leithid sud “a dh’aimsir fhada” tha an Tighearn a’ bruidheann ruinne, ann an cosamhlachd nan seirbhiseach. Tha am bàrd Eadailteach, fad ’ann am priosan dorcha ag ràdh gu muladach: “Bliadhnachan fada, bliadhnachan fada.” Oir fhuair esan mar sin iad. Agus air an dòigh cheudna their sinne, “Fad’ an latha,” “fada na h-oidhche,” agus “fada na bliadhna gu léir;” agus mar sin tha am focal “fada” a ’ciallachadh ni àraidh, a’ filleadh ann cha-n e mhàin an ùine a tha ’dol seachad ach aireamh nan nithean a tha’ tachairt ’s an ùine; mar gu-n robh na dearbhaidhean a thachair a’ cur ri faide na h-uine. Is ann ri brìgh chudthromach so nam focal, “An déigh aimsir fhada” a threòraicheadh sinn aire an leughadair. Bu mhaith gu-m fairicheadh gach neach na fiachan mòra fo ’m bheil “an aimsir fhada” a tha air a bhuileachadh air le Dia chum ullachadh airson siorruidheachd, ’g a chur. I. Cha toir Dia neach air bith leis gun fhios. Tha e ro cheart ’us ro thròcaireach airson sin. Bheir e caismeachd mu ’m buail e; seadh, mile caismeachd goirid ’us mar a dh’ fhaodas ar là a bhi. Tha caismeachd ’us caismeachd gach là soilleir ’us labhar gu leòr. Cha bhi aig aon neach ri ràdh, aig la a’ bhreitheanais, cha chuala mise mu ’n chunnart. Chuireadh mise am fianuis na caithreach gun fhios ’us gun chothrom ullachaidh. Cha-n ’eil lethsgeul aig [TD 95] [A’ BHLIADHNA UR, 1878. TD 3] an duine a chuireas a shoitheach air creag, air airde mheadhon là, agus le a dhà shùil fosgailte chum a’ chunnart ’fhaicinn. Aig Rudhà St. Abb, air taobh sear Albainn, is iomadh soitheach breagh a chur gaoth mhòr an ear aon uair air na creagaibh corrach, biorach, cruaidh. O chionn bheagan ùine bha tigh-sholuis air a thogail, agus bha “ dùdach-ceò” air a cur suas a dheanadh aithnichte, là ’us oidhche, anns a’ cheò, c’àite an robh an cunnart a bha r’ a sheachnadh, ’us a ruigeadh le ’fhuaim fad fhichead mìle. Cha-n urrainn fear-iùile mara nis a ràdh, cha d’ fhuair mi rabhadh, ma chuireas e a shoitheach a dhìth, oir ’s an oidhche shoilleir tha an solus aige, agus anns a’ cheò tha an dùdach-ceò aige ag ràdh le cheile “Bi air d’ fhaicill?” Mar sin tha solus ’us guth neamh a sior ’toirt rabhaidh do dhaoinibh, ag ràdh, “Ulluich chum coinneachadh ri d’ Dhia.” Is lìonmhor rabhaidhean latha no seachduin! rabhaidhean bliadhna is lìonmhoire iad! Air rabhaidhean beatha duine cha ghabh àireamh a dheanamh! Cha bhi aig duine ’s am bith ri ràdh nach d’ fhuair e caismeachd, no gu-n d’ fhiosraich Dia e le peanas gun fhios gu-n robh a leithid ann. Tha an “dùdach-ceò” a’ seirm troimh an neul, a’ deanamh fuaim mhuladaich, agus is cosmhuil e ri guth neach a’ glaodhaich ’s an fhàsach, “Teichibh o ’n fheirg a tha ri teachd;” “Deanaibh aithreachas;” “Pillibh, pillibh; oir c’uime a bhàsaicheadh sibh?” II. Tha Dia ’toirt ùine dhuinn chum tionndadh ’s a bhi beò. An uair a tha fear-teagaisg a’ toirt leasan bheag do sgoileir chum ionnsachadh, agus ag ràdh ris, Bheir mi seachduin dhuit gu ’ionnsachadh, tha e ’toirt “aimsir fhada” oir dh’ fhaodadh e bhi deanta ann an uair. Mar sin an uair a tha Dia ag ràdh, “Iarraibh mi agus bithibh beò;” no “Gabh eòlas a nis air Dia, agus bi an sìth,” agus a’ toirt fad ar beatha dhuinn chum so, tha e ’toirt dhuinn “aimsir fhada.” Gabhaidh sinne fois, ni sinn dàil; air chor ’us gu bheil iomadh bliadhna ’dol seachad ’us sinn gun Dia againn. Ach cha-n atharraich an dàil againne an “aimsir fhada.” Ni sinne goirid i le ’r n-amaideas; ach bha i fad mu choinnimh na h-oibre bha r’ a dheanamh—an aon cheum a bha gu ’r toirt gu Criosd, agus gu ’r cur fo sgaile a’ chroinn-ceusaidh. Bha ùine gu leòr airson sin ’s a’ bheatha bu ghiorra; air chor ’us nach urrainn aon neach a ràdh mu dheireadh, cha d’ fhuair mise ùine chum ullachadh airson na siorruidheachd, agus rug am bàs orm mus d’ fhuair mi cothrom air an Tighearn iarraidh. Is iad, “Thug mi dhì ùine chum aithreachas a ghabhail,” (Taisb. ii. 21,) briathran rabhaidh Dhé ri muinntir Thiatira, agus tha iad a’ labhairt ruinne. Is e UINE CHUM AITHREACHAS A GHABHAIL, an sgeul fhathasd; Is e DEAN AITHREACHAS an earail mhòr; agus tha e a’ leantuinn sin le “Tha mi ’toirt UINE dhuit chum aithreachas a dheanamh!” III. Tha an aimsir fhada so ’n a aimsir fhad-fhulangais. “Tha an Tighearn iochdmhòr agus trocaireach.” (Seum. v. 11.) Caomhnaidh e gus a’ cheum a ’s fhaide; tha miann aig air a’ pheacach fhaotainn; tha e a’ guidheadh dheth le eud ’us dùrachd a bhi réidh ris. Giùlainidh e diùltadh, easonoir, agus brosnuchadh, fuath ’us tair, ’us fuachd,—gun fhear-diùltadh a ghràidh a ghearradh sios, no dioghaltas a dheanamh air a naimhdibh. Cha-n ’eil e “so-bhrosnuchaidh chum feirge,” ach “fuilgidh e na h-uile nithean, giùlainidh e na h-uile nithean; “gun toil aige dream ’s am bith bhi caillte, ach gu-n tigeadh iad uile chum aithreachais.” (2 Pead. iii. 9.) “Measaibh gur slainte fad-fhulangas an Tighearna;” oir is ann ri slàinte tha suil aige! Is i “C’uime bhàsaicheadh sibh?” ceist mhòr Dhe ris a’ pheacach gun chùram. Nach tug mi úine gu leòr dhuibh chum beatha fhaotainn? Nach ’eil mi a rìreadh ann an iarraidh oirbh a bhi réidh rium? IV. Is e an aimsir fhada so cothrom [TD 96] [A’ BHLIADHNA UR, 1878. TD 4] an duine. Am bheil maitheanas ri ’fhaighinn? Is e so an t-àm! Am bheil a’ bheatha mhaireannach ri ’fhaighinn? Is e so an t-àm! Am bheil flaitheanas ri chosnadh? Is e so an t-àm! Am bheil dol a stigh air an dorus chumhann agus coiseachd air an t-slighe ainleathan gu bhi ann? Is e so an t-àm! Am bheil an t-anam neobhàsmhor gu bhi air a theàrnadh, crùn air a chosnadh, agus rioghachd air a mealltuinn? Is e so an t-àm! Is e so do chothrom, O dhuine! Dean feum dheth mu ’n caill thu gu bràth e! Tha cunnart timchioll ort; tha ifrionn a’ leagadh a linn; tha an stoirm a’ tighinn; ach tha ùine ann fhathast. Tha neamh uile a’ dealradh an sud, mu d’ choinnimh; tha an dorus fosgailte cho farsuinn ’s is urrainn gràdh Dhé a dheanamh; tha Mac Dhé a’ cur impidh ort; tha na h-ainglean ’g ad chuireadh a stigh; tha daoine a’ guidheadh dhiot; is e so do chothrom;—an leig thu leis falbh gun fheum a dheanamh dheth? An ni cho beag neamh, ’us anam, ’us sonas siorruidh a chall? Na dean moille, O dhuine! V. Thig crioch air an aimsir fhada so mu dheireadh. Pillidh am Maighistir agus iarraidh e cunntas air a sheirbhisich. Criochnaichidh bliadhna thaitneach an Tighearna ann an là dioghaltais: agus bithidh e ’n a dhioghaltas, oir is e dioghaltas Dhé bhitheas ann. Tha so uile ’toirt oirrne bhi ’labhairt le dùrachd, air dhuinn fhios a bhi againn gu bheil an “aimsir fhada,” ’dol seachad gu luath. Tha a’ chrioch ’us am Breitheamh a ’tighinn: thig an “aimsir fhada” gu bhi ’n a “thamull beag;” falbhaidh an “tamull beag,” agus tòisichidh a’ bhithbhuantachd. Ulluich chum coinneachadh ri ’d Dhia. O chionn ghoirid fhuaireadh ann an eaglais an Sasunn, air an robh iad a’ deanamh atharrachaidh, seana chrannaig a bha fada folaichte. Bha i air a gearradh gu breagh, agus air a chuid a b’ airde dhith bha so air a ghearradh ’s an fhiodh: “TOG SUAS DO GHUTH MAR THROMPAID, EIGH GU H-ARD.” Tha REITE ann! Is i so ar teachdaireachd mar a sheasas sinn fo ’n chrann-ceusaidh, agus a labhras sinn ri saoghal a tha ’bàsachadh. Tha réite ann troimh fhuil Chriosd! Tha sìth aig an altair far an gabh Dia ris a’ pheacach. Rinn Mac Dhé an obair air am bheil an réite air a steidheachadh, agus troimhe am bheil cairdeas siorruidh Dhé air a thairgseadh do cheann-fheadhna nam peacach. Is leòr am focal sin. Na cuir ris ’us na toir uaithe. Tha e ag innseadh mu Dhia “a dh’ fhireanaicheas na daoine midhiadhaidh,” agus mu’n “tabhartas-sìthe” a tha ’g a dheanamh ceart gu-m fìreanaichear na daoine ud. Tha e ag ràdh ris gach fear-ceannairc,—Tha an t-sith so uile, an cairdeas, am maitheanas a’ tighinn gu bhi ann an seilbh gach neach a threigeas a shuidheachadh féin a thaobh nàduir an làthair Dhé ann fhéin, agus a sheasas air bonn oibre neach eile, fulangais neach eile,—obair agus fulangas an Fhocail air a dheanamh ’n a fheòil: an neach sin ged a bha e saoibhir a rinneadh bochd air ar sonne, chum agus troimh a bhochdainn-se gu-m bitheadh sinne air ar deanamh saoibhir. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 97] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS NA BLIADHNA, 1878. CIUINE AM MEADHON NA STOIRM. [Dealbh] ANN an earrainn de ’n tìr anns am bheil mèinnean, tha baile beag anns am bheil eaglais le tùr ro mhaiseach. O cheann ùine ghoirid bha ceann siar na h-eaglais agus bun a tùir air am folach le seann tigh a bha air a chleachdadh mar thigh-margaidh a’ bhaile. Bha ceuman staidhir cloiche air an taobh muigh a’ treòrachadh a dh’ionnsuidh na seòmraichean a b’ airde de ’n tigh far an robh eoin ’us ìm ’g an reiceadh, agus sraid bheag chaol a’ gabhail seachad. Bha an staidhir aig a’ mhullach air dealachadh ris a’ bhalla, agus bha bearna fosgailte eadaraibh. Cha ghabhadh neach air bith an dragh air a’ bhearna a lionadh, agus dh’ fhàgadh mar sin e ’n a chomharadh air an ni a rinn e. Bha fear-turuis là a’ sealltuinn ris an tùr, agus a’ gabhail iongantais ris na daoinibh a thogadh tigh cho grannda ri taic tùir cho maiseach ’n a dealbh. Dh’ fheuch caraid a bha February 1878. “A Calm in the Storm.” [TD 98] [DARA MIOS NA BLIADHNA, 1878. TD 2] ’fuireach ’s a’ bhaile dha mar a bha an staidhir ag aomadh a mach, agus thubhairt e ris gu-n robh cuimhne aige ’n uair a thachair e; gu-n robh e air a dheanamh, ann am priobadh na sùla, le dealanach a bhuail e ri linn na stoirm a b’ eagallaiche a chunnaic e riamh. Dh’ aithris e an ni mar a leanas:— Bha an uaireadair a’ bualadh dà uair dheug m’ oidhche ’n uair a chunnaic mi a’ cheud boillsgeadh dealanaich, agus thug a’ cheud tairneanach air na h-uinneagan againn gu-n do chrith iad mar gu-n tuiteadh iad as an àite. Bha sinn air chrith cuideachd. Ach bha an stoirm a’ fàs na ’s mò, gus an d’ thainig am boillsgeadh mòr a rinn am briseadh air an tùr agus air an staidhir ud. Aig an àm bha baintighearn a’ fuireach ’s an tigh ud thall. Bha i ’n a dilleachdan, gun phòsadh fhathasd. Bha i ro shaoghalta, faoin; ged nach robh i a dh’ easbhuidh air deagh fhoghlum ’n a h-òige. Ni mò a bha i gun bhi fo bhuaidh na h-eiseimpleir diadhaidh a chunnaic i, ann an ceum. Bheothaicheadh a faireachadh ’n uair a chluinneadh i o àm gu h-àm an fhìrinn a chual’ i o a pàrantaibh air a teagasg ’s an t-sean eaglais a bha dlù dhi. Bu leòr air amaibh amharc ris an tùr gu bhi ag ùrachadh a cuimhne air nithibh luachmhor a chuireadh ’n a h-inntinn òg, agus a coguis fhàgail mi-fhoistinneach leis an droch fheum a rinn i dhiubh. Air oidhche na stoirme bha i aig balla-dhannsaidh; agus bha i na b’ fhaoine ’us na bu chridheil na bha gnàthaichte. An uair a bha ise a’ cur seachad na h-ùine le aighear ’us sùgradh, bha an stoirm a’ toiseachadh mach; agus an uair a dh’ fhalbh i bha an t-uisge a’ ruith ’n a thuil sios an t-sràid. Bha i dìreach ’dol stigh air an dorus an uair a bhoillsg an dealanach m’ a timchioll, agus thainig tairneanach uamhasach ’n a dhéigh. Bha dealanach us tairneanach a’ leantuinn a chéile. Bha e mar gu-m bitheadh iad a cur an cumhachd uile an gniomh. Bha a’ bhaintighearn bhochd a’ meas gur e bh’ ann mar gu-m bitheadh guth a’ tighinn ’g a h-iarraidh dh’ionnsuidh “na caithreach, as an deachaidh a mach dealanaich, agus tairneanaich, agus guthanna.” (Taisb. iv. 5.) “Gu cinnteach,” ars’ ise, “tha crioch nan uile nithe am fagus:” (1 Pead. iv. 7:) “tha am breitheamh ’n a sheasamh aig an dorus.” (Seum. v. 9.) Ciod e a ni mi? Ma tha “là mòr ’fheirge air tighinn, ciamar a dh’ fheudas mi seasamh?” (Taisb. vi. 17.) Agus a nis, bha a peacaidhean uile mar gu-m bitheadh iad ag éiridh mar fhianuisean’na h-aghaidh. A dearmad, a dàil, i bhi gun ùrnuidh cho tric, a sàbaidean air am mi-naomhachadh, a Biobul gun leughadh, a neoshuim do dheadh chomhairle agus deadh eisempleir; seadh, a dearmad air an t-Slànuidhear, a cur an aghaidh air obair an Spioraid, a diùltadh air gràdh Dhé; dh’ éirich iad uile suas le aon ghuth chum a dìteadh. Bha a cuimhne mar gu-m bitheadh i air a beothachadh, agus thainig focail d’ a h-ionnsuidh a chuir tuilleadh eagail oirre na an dealanach, ged a ghluais e a cridhe gu a ghrunnd. Bha aon fhocal gu h-àraidh a bhean rithe gu goirt “Ma bha am focal a labhradh le ainglibh seasmhach, agus gu-n d’ fhuair gach uile bhriseadh agus easùmhlachd diol-thuarasdal dligheach, ciamar a théid sinne as, ma ni sinn dìmeas air slainte cho mòr, a thoisich air tùs air bhi air a labhairt leis an Tighearn, agus a rinneadh dearbhta dhuinne leosan a chual e?” (Eabh. ii. 2, 3.) “An neach a rinn tàir air lagh Mhaois, bhàsaich e gun tròcair, fo dhithis no triuir de fhianuisibh; cia mòr na ’s mò na sin am peanas, a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach a shaltair fo a chosaibh Mac Dhé, agus a mheas mar ni mi-naomh fuil a’ choimhcheangail leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcuis air Spiorad nan gràs? Is ni eagalach tuiteam ann an làmhaibh an Dé bheò!” (Eabh. x. 28-31.) Ghairm i a cuid seirbhiseach tim- [TD 99] [DARA MIOS NA BLIADHNA, 1878. TD 3] chioll oirre, chum ’us gu-m bitheadh iad ’n an cuideachd dhi a lughdaichadh a h-eagal; ach dh’ fhàs an dealanach agus an tairneanach na ’s uamhasaiche, gus an do theich i le cabhaig a dh’ ionnsuidh a seòmair agus a leapa. Ach is gann a dh’ fholaich i i fhéin ’s an eudach, an uair a thug tairneanach mòr oirre gu-n do leum i as an leabaidh a dh’ ionnsuidh an doruis. Cha robh i mionaid as an leabaidh ’n uair a bhuail an dealanach air binnein tùir na h-eaglais, agus leag e am meall mòr cloiche sios air mullach a tighe, os cionn a seòmair, far an do bhris e a stigh, a’ tuiteam sios air a leabaidh, agus ’g a pronnadh gu làr. Na ’n robh i ann, cha b’ urrainn i teàrnadh o’n bhàs. Bha ise ’s an dorus agus theàrnadh i air éigin. Chunnaic i mar a thachair, agus thill i stigh a thoirt taing do Dhia, a’ tuiteam air a glùnaibh agus a’ sileadh nan deur. Gu so bha i làn eagail; bha fagusgachd na siorruidheachd, agus eagal breitheanais, ’g a lionadh le eudòchas ’us cha-n ann le aithreachas; ach an sealladh a fhuair i de thròcair ’s an t-saoradh ud o bhàs, leagh e a cridhe, agus a nis, a’ gal gu goirt, ghlaodh i, “A Thighearna, nochd dhomh ciod a ni mi, dean tròcair, agus thoir maitheanas, agus leanaidh mi thu o so a mach gu bràth.” Bha Dia a’ buntuinn rithe mar a bha e ri fear-coimhid priosain Philippi. (Gniomh. xvi. 23-36.) Chruadhaich an duine calma e fhéin an aghaidh Phoil agus Shilais, agus an t-soisgeil a theagaisg iad; agus bha e ’n a chodal, ’n uair a bha iadsan a’ seinn ’s ag ùrnuidh ’s a’ phriosan anns na dhruid e stigh iad. Ach an uair a chrathadh am priosan leis a’ chriththalmhainn, a thainig mar aon fhreagradh do ’n ùrnuidh, bha an duine làidir làn eagail, agus chuireadh e as d’ a fhéin na ’m faodadh e; thug an t-eagal buaidh air. Ach b’ e guth Phoil guth na tròcair, “Na dean cron ’s am bith ort fhéin.” Cha-n e cron a dheanamh orta tha ’s an rùn, ach maith dhuit! Is e guth Iosa a bh’ ann. Leagh guth na tròcair an cridhe cloiche; agus thainig am peacach “air chrith” le “spiorad briste;” agus ’g a ioraslachadh féin gu mòr, ghlaodh e, “A mhaighistirean, ciod a ’s coir dhomh a dheanamh chum ’us gu-n teàrnar mi?” Chunnaic an uair sin féin e ’n a chreidmheach ann an Criosd, le maitheanas peacaidh agus anam athnuadhaichte aige. Dhùisg a’ chriththalmhainn a choguis; ach rinn guth na tròcair, a’ labhairt ’n a shaoradh iongantach o ’n bhàs, a leaghadh chum umhlachd a thoirt dhasan aig an d’ rinn a fhreasdal agus a ghràs nithean cho mòr air a shon. Coslach ri fear-coimhid a’ phriosain cha b’ ann an diomhanas a ghuidh agus a gheall a’ bhaintighearn, a fhuair a suilean air am fosgladh gu fhaicinn mar a rinn Criosd riaghladh air an stoirm, agus mar a thug e maith as dhi-se. Bha an stoirm, a dhùisg an stoirm o ’n leth mach ’n a h-inntinn, air a chasgadh leis an aon ghuth a chaisg cumhachd dealanaich ’us tairneanaich air an oidhche ud. Thainig ciuine. Bhris an là. Ach an uair a nochd an là na rinn an dealanach air an tùr, agus air staidhir an tigh-mhargaidh, agus a tigh air a bhriseadh sios, “bu chreutair nuadh i;” bha i air a “tionndadh o dhorchadas gu solus, agus o chumhachd Shàtain gu Dia; air dhi maitheanas peacaidh ’fhaotainn, agus oighreachd am measg na muinntir sin a tha air an naomhachadh troimh na chreidimh a th’ ann an Iosa.” (Gniomh. xxvi. 18.) Cia mòr an caochladh a thachair eadar meadhon oidhche agus briseadh latha! Chaidh i seachad “o bhàs gu beatha,” (1 Eoin iii. 14;) agus coslach ri fear-coimhid a’ phriosain, nochd i gu-n robh an obair fìor le bhi beò chum “maith nan uile dhaoine, agus gu h-àraidh an dream a tha de theaghlach a’ chreidimh.” (Gal. vi. 10.) Tha an sgeul fior so, air aithris fo fhasgath an t-seann tuir, làn teagaisg dhuinn uile. Tha e a’ feuchainn mar a tha freasdal agus Spiorad Dhé a’ co-oibreachadh chum anaman a thoirt gu Criosd; agus mar a tha e ’tachairt gu bheil an t-anam a dh’ éisdeas ri [TD 100] [DARA MIOS NA BLIADHNA, 1878. TD 4] rabhaidhean, teagasgan, agus impidhean a h-aoin dhiubh, a’ mealtuinn grais teàrnaidh an aoin eile. Am bheil neach ann aig nach cuala a choguis riamh guth an fhreasdail? Nach d’ innis e riamh dhuit mu do chunnart, no le bhi ag innseadh dhuit gu bheil “an Tighearn am fagus,” chum teàrnadh no chum dìteadh? Nach d’ thug stoirm riamh thu dlù do ’n bhàs, eadhon bàs siorruidh? Nach d’ fhuiling thu riamh o thrioblaid ghoirt no o eagal trioblaid? An d’ thug an trioblaid ud dlù do ’n t-slochd thu? Nach d’ thug uair dhòruinneach riamh uait aoibhneas do chridhe, ’g ad fhàgail truagh, agus le truaighe na ’s mò romhad? Agus nach d’ aithnich thu an tròcair a leig leat d’ fhagusgachd air leirsgrios fhaicinn, agus an sin a spion as a’ chunnart thu, chum agus, air do leaghadh le tròcair, gu-n abradh tu, “Pillidh mi ris an Tighearn: oir is esan a reub, agus is e a ni ar leigheas: is e a bhuail agus ceanglaidh e suas sinn.” (Hos. vi. 1.) Ma tha an Tighearn a’ faicinn iomchuidh “’uamhasan a chur an ordugh romhad” is ann chum d’ anmhuinneachd a nochdadh dhuit, agus ’fheuchainn gu bheil do chunnart cho mòr gur éigin dàsan, ann an tròcair rabhadh a thoirt duit, mu ’m bàsaich thu. Agus am bi na rabhaidhean ud uile gun fheum? Gabh ri a thairgse, gun fhios nach e an tairgse mu dheireadh a th’ ann! Na bi ag ràdh nach ’eil “uamhasan aig d’ anam.” Mur ’eil, bha Dia gu so a’ buntuinn gu ciùine riut, a’ cur impidh ort le goireasaibh, sochairibh, agus tròcairibh saoibhir? Agus carson nach geill thu do ’n dòigh so? “An dean thu tarcuis air saoibhreas a mhaitheis, agus fhoighidinn, agus ’fhad-fhulangais, gun fhios bhi agad gu bheil maitheas Dhé ’g ad threòrachadh chum aithreachais?” (Rom. ii. 4.) Oh a leughadair! leig le a mhaitheas do threòrachadh chum Chriosd! Na fuirich gus an cuir an stoirm ann thu! Bitheadh e ’n a Shlànuidhear dhuit a nis, mu ’n tig oidhche eile! Faigheadh an ath mhaduinn ann an Criosd thu! An sin cha tig stoirm gu bràth a bheir uait do shìth! “Is fhad a ghabh mi tlachd ’s an olc, Gun eagal ’us gun nàire, Ghlac cuspar eile an sin mo bheachd ’Us thill o shlighe a’ bhàis. Chunnaic mi neach a chroch air crann, Am fuil ’s am pian ro mhòr, A dh’ amhairc orms’ le sùilibh fann, ’S mi dlù do chrann a’ bhròin. “Gus ’n tig an là ’s am fàg mi an saoghal, Bi’dh an sealladh ud ’n am chuimhne, Bha cionnt’ a bhàis le Criosd a’ ghaoil, ’G a leigeadh ormsa, le binn. Dh’ fhairich ’us dh’ aidich mi gu’m b’ fhior, ’Us rug eudòchas orm; Chunnaic mi mo pheacadh ris a’ ghniomh, ’G a liodairt ’us ’g a leòn. “Mo chreach! cha b’ fhiosrach mi ’s an àm, Gu-m b’ olc, ’us tha e deanta: Cha dhiol mo dheòir air gniomh mo lamh, Nach mortair mi air Criosd? Ach sheall e rium uair eile ag ràdh, ‘Maithidh mi d’ uile lochd, Air son do pheacaidh fhuair mi bàs, Chum saoradh dhuit o ’n t-slochd.’ “Mar so ’n uair tha mo pheacadh mòr, Ri fhaicinn ann a bhàs, Thig maitheanas as gu ’m chumail beò, Sin diomhaireachd a ghràis! Le mulad caomh, ’us aoibhneas cràidhte, Lionadh mo Spiorad nis, Gu-n deanainns’ marbhadh air leithid a bheatha, ’S gu-m faighinns’ beatha leis. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 101] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS MAIRT, 1878. AOBHARAN AIRSON DEALACHADH RI PEACADH. “Thigibh a nis, agus tagramaid ri ’chéile, deir an Tighearn: ged robh ’ur peacaidhean mar an sgarlaid, bithidh iad geal mar an sneachd: ged robh iad dearg mar chorcur. bithidh iad mar olainn.”—ISAIAH i. 18. [Dealbh] THA mòran ann a dh’fhanas bliadhnachan fo fhuaim an t-soisgeul, cha-n ann gun fhaireachadh, ach gun aithbhreith. Tha cuid dhuibh sin a chuireas coire an suidheachaidh air Dia. Cha-n abair iad e, ach is e sin a th’ aca ’n an inntinn. Ni iad gearan nach urrainn iad ruighinn air sìth ri Dia, ged a chleachd iad gach meadhon a bha ’n an comas, le eud agus le ùrnuidh. Theid iad a dh’ éisdeachd an t-soisgeil, agus is maith leo ’éisdeachd: cha bu mhaith leo mur faigheadh iad am ministear sònraichte aca fhéin a chluinntinn; tha tlachd aca ann. eadhon ged a chronuicheadh e iad, oir tha spéis aca d’ a dhillseachd. Ach cha dh’ fhuair iad toradh ’s am bith. Dh’ éisd iad, ach cha-n ’eil an anam beò; ach tha iad mar a bha iad, marbh ann am peacadh ’us ann an eusontas. Cha-n e an coire-sa a th’ ann, is e a their iad; agus tha fhios againn, air an aobhar sin co aige tha March 1878. “Reasons for Parting with Sin.” [TD 102] [MIOS MAIRT, 1878. TD 2] a’ choire. Rinn iad eadhon ùrnuidh airson slainte, ach cha d’ fhuair iad i. Ciod e a ’s coireach? Tha e soilleir gu-m bheil bacadh ann. Ciod e am bacadh? Is éigin gu-n coimhlionar geallaidhean Dhé. Carson a tha an luchd-iarraidh sin ’s an dorcha? Tha cuid diubh sin leis nach maith mòran soluis fhaotainn, agus cha bhi iad toilichte ’n uair a dh’ innseas mise dhoibh am fìor aobhar airson iad a bhi gun dòchas. Tha iadsan ’g a chur as leth arduachdaranachd Dhé, no as leth an gràdh a bhi ann an ceum air a chumail air ais; cuiridh iadsan an t-aobhar sios mar phuinng-teagaisg air choireigin, agus aithrisidh iad earrainn no dha de ’n fhìrinn, gus am faicear iad bhi fallan; ach is e th’ aca so,—is e coire Dhé nach ’eil iad air an teàrnadh, agus cha-n e an coire-san. Thigibh a nis agus cuireamaid so air dòigh. Tha esan ag ràdh gur ann aca-sa tha a’ choire, ’us cha-n ann aige-se; agus tha e ’g an iarraidh a thagradh m’ a thimchioll. Is cinnteach gur e am fior aobhar airson nach ’eil daoine, aig am bheil roinn de bhlàthas na diadhachd, a’ ruighinn air sìth so—gu bheil gràdh aca do ’n pheacadh. Aon chuid tha aon pheacadh uaigneach ’g a altrum, no tha iomadh peacadh ann gun aithreachas ’us gun tréigsinn. Tha iad a’ brosnachadh an Tighearn’ le ’n euceartaibh, agus an sin tha dòchas aca gu-n riaraich iad e le ’n ùrnuidhibh. Air an aobhar sin is diomhain dhoibh bhi ag ùrnuidh, agus is diomhain dhoibh na meadhonan a leantuinn; oir dh’ fholaich iad an ni mallaichte am meadhon a’ chaimp, agus gus am bi an ni mallaichte air a sgrios, cha ghabh Dia riu. Riu sud uile, tha focal Dhé ag ràdh, Ciod e do ghnothuchsa ri sìth, ’n uair tha do lochdan cho lionmhor? Fhad ’s a tha thusa agus do pheacadh an sìth r’ a chéile bithidh coimhstri eadar Dia agus d’ anam. 1. “Thigibh a nis, agus tagramaid r’a chéile, deir an Tighearn.” Is ni reusonta gu-n tréigeamaid am peacadh, ’s a cheud àite, airson gur ni mi-reusonta a bhi ’meas gu-m faod sinn maitheanas fhaotainn fhad ’s a tha sinn beò ’s a pheacadh. A bhràithrean ionmhuinn, ’n an abradh Dia “Faodaidh sibh fuireach ’s a pheacadh, agus bheir mise maitheanas dhuibh; faodaidh sibh leantuinn air ’ur ceannairc, ach cha dhiol mise oirbh e;” ciod e bhitheadh an sin ach ’toirt saorsainn do ’n pheacadh? Ciod e nam bitheadh e air aithris ’s an rioghachd gu follaiseach, gu-m bitheadh maitheanas air a thoirt air ball do na h-uile briseadh air an lagh. Cha-n fhad gus an cuireadh sinn cùl ri ’leithid a thìr. O a Dhé mhoir, rinn do ghliocas fulangas a cheangal ris a’ pheacadh. Is maith gu-m bitheadh fhios againn air, ma chuireas sinn meur ’s an teine; bu bheud nam bitheadh am pian air a thoirt as an losgadh, mu’n suidheadh daoine aig an teine a’ call roinn ’us roinn de ’n corp, gun fhios a bhi aca air: air an dòigh ceudna tha e freagarrach gu-m bitheadh truaigh a’ pheacaidh air ’fhaireachadh mar rabhadh mu’n olc a tha e ’deanamh oirrne. Tha e mireusonta, a dhuine, gu-n earbadh tusa gu-m fàgadh Dia thu gun aithreachas, agus gidheadh gu-n tugadh e dhuit pòg a’ mhaitheanais ghràdhaich. Nach ’eil e reusonta, cuideachd gu-n dealaicheadh sinn ris a’ pheacadh, airson gu bheil e cho mi-thaitneach le Dia? Tha e cho milis leinne gu-m bitheadh gràdh aig ar cloinn duinn ri aghaidh a’ ghràidh a thug sinn dhoibhsan. Ach is iomadh a theap am falt air a cheann a reubadh, ’n uair a bhuin an gille a fhuair caoimhneas mòr uaith, ris gu ladurna gun urram. Agus tha againn an so an Tighearn gràsmhor, mar Dhaibhidh o shean ag eigheach, “O Israeil, mo mhic, mo mhic.” Is ann air ’ur sonsa tha e air a chràdhadh. Tha sinne ’cràdhadh an Spioraid na h-uile h-uair a thuiteas sinn anns a’ pheacadh, oir tha gràdh aige dhuinn, agus is duilich leis sinn a bhi ’deanamh ar call féin. Nis, a pheacaich, nach ’eil e reusonta ri’ ràdh, ma tha sìth uait ri Dia, gu-m buin [TD 103] [MIOS MAIRT, 1878. TD 3] duit an ni tha gràineil leis a thréigsinn? Ciamar dheanadh tu fhéin nam b’ athair thu? Nach iarradh tu gu-n tréigeadh do leanabh an cleachdadh mallaichte a bha ’cràdhadh do chridhe gach là? Gheibhear an treas aobhar ’s a chaibdeil so. Nach buineadh do ’n pheacadh bhi air a thréigsinn airson an uilc a rinn e air daoinibh mar tha? Amhairc ort féin, a dhuine no a bhean gun ghràs, ciod e an sonas rinn d’ euceartan duit? Ciod e an t-sìth thug gràdh a pheacaidh do’d spiorad? Ciod a th’ agad nis? Mi-thoilichte ’us mi-shocrach, cuiridh am bàs air amaibh ’leithid a dh’ eagal ort, nach maith is aithne dhuit ciamar bhitheas tu beò; thig eagal ifrinn ort, agus b’ fhearr leat nach d’ rugadh riamh thu. Tha fhios agad gu bheil sin fior. “Tha an ceann uile tinn agus an cridhe uile fann.” Ciod e a dh’ fhàg cho tinn, brònach thu? Ciod e ach d’ eucoir? Nam bitheadh tu glic bheireadh tu fuath do ’n pheacadh a bhuin cho olc riut; bhitheadh fadachd ort a chur uait, mar a chrath Pol an nathair ’s an teine, agus dh’ éigheadh tu ri Dia, “Saor uaith mi. O Thighearna, trid Iosa Criosd do Mhic.” Cuimhnich mar an ceudna, a charaid, mur gabhar aithreachas de ’n pheacadh, agus mur tréigear e, cha dean aon ghniomh leat, no cleachdadh meadhoin, no éisdeachd, no ùrnuidh, do thearnadh. “Oh,” ars’ tusa, “thug mise seachad do aobhar an Tighearna, agus gidheadh cha-n ’eil sìth agam.” An gabh Dia ri tiodhlac an duine ’tha beò ann am mi-onoir, no ann an uabhar, no ann an eucoir? “Oh,” ars’ tusa, “ach lean mise riamh meadhonan nan gràs.” Seadh, ach abair gu-n teid thu o an eaglais gus an tigh-òsda, am bi d’ aoradh taitneach do Dhia? Ma theid thu dhachaidh gu caitheamh-beatha mi-naomh, am bi meas aig an Tighearn ort? Ma dh’ fhàgas tu cuideachd pobull Dhé, ’us gu-m bi thu cho sona measg nan aingidh: tha mi ag radh an ainm mo Dhé, Co a dh’iarr so aig ’ur laimh, gu-n gluaiseadh sibh ann an cùirtibh a thige? Am bheil e ag iarraidh luchd-frithealaidh ’n a thigh aig am bi fàile cùiltean Bheliail de an eudach aca? Tha e ’n a mhasladh mòr; tha e ’n a oilbheum do ’n mhòrachd neo-chriochnach shuas; agus gidheadh cia lionmhor ’s a tha iad a tha ’deanamh so gu h-uaigneach. Thugadh coguisean na muinntir a tha ag eisdeachd an t-soisgeil, ach a tha aig an àm cheudna beò ann am peacadh aithnichte, fianuis air fìrinn mo bhriathran. “Ach,” arsa neach, “tha buaidh aig ùrnuidh.” Eisd, mata, o bheul an Tighearna ciod e tha ann an ùrnuidh ’n uair a bhitheas tusa beò ann am peacadh: “An uair a shìneas sibh a mach ’ur làmhan, folaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh, an uair a ni sibh iomadh ùrnuidh, cha-n éisd mi: tha ’ur làmhan làn fola.” Ged nach urrainn mise ràdh mu ’r timchiollsa gu bheil ’ur làmhan lan fola, gidheadh ma tha iad làn de pheacadh ’s am bith do ’m bheil gràdh cridhe agaibh, bithidh ’ur n-iobairt ’n a ghràineileachd leis an Tighearn. Atharraichibh i, agus abairibh, “A Thighearna, cuidich leinn ann an dealachadh ris a’ pheacadh; A Tighearna, cuidich leinn ann am buntainn gu h-onorach ri ’r coimhearsnaich; cuidich leinn ann an gràdh a thoirt do dhaoinibh eile; agus maith ar lochd anns na chaidh seachad, air sgàth Chriosd.” Ma ’s i so cainnt ’ur cridhe, tha’ ur n-Athair neamhaidh g’ur coinneachadh gu saor, agus ag ràdh, “Ged robh ’ur peacaidhean mar an sgarlaid bithidh iad geal mar an sneachd.” 2. Theid mi nis na ’s fhaide agus their mi gu bheil e reusonta gu-n iarradh an duine gloinead cridhe. Tha sibh ag iarraidh maitheanais, agus mar fhreagairt tha Dia ag ràdh ruibh, “Sguiribh de ’n olc; foghlumaibh maith a dheanamh.” Nach ’eil reuson anns an àithne so? Tha sibhse ag ràdh le ’r cleachdadh, “A Thighearna, dean sìth rùinn.” Tha an Tighearn ag ràdh, “Cha-n ’eil sìth ann do ’n aingidh: cha-n urrainn sìth bhi eadarainn ach ’s an tomhas anns am bheil sibhse air ’ur [TD 104] [MIOS MAIRT, 1878. TD 4] n-athnuadhachadh.” Am faodh dithis imeachd le ’chéile mur bhi iad réidh? Nach fhaic sibh gur mireusonta bhi saoilsinn gu-m faod sibh bhi ’n ’ur buill-teaghlaich Dhé agus ’n ’ur seirbhisich aig Satan cuideachd? Ciod e theireadh an saoghal? Ma ’s fear de chloinn Dhé so ciod e an gnè athar a dh ’fheumas bhi aige, aig am bheil leithis a mhac!” An goirear clann Dhé de ’n mhisgear, a’ bhreugair, an fhear-foirneirt, an fhear dhioghaltach, an an-iochdmhor, an t-sanntach, a mhi-onorach? Ma gheibh duine maitheanas gheibh e athnuadhachadh cuideachd, agus geillidh e do bhi air a dhealbh a réir iomhaidh ghlòrmhoir Chriosd. An d’ fhuair sibhse toil a bhi mar so? 3. Ma dh’ fhanas am peacach gun aithreachas, is mireusonta da bhi ’cur air Dia a choire airson e bhi gun mhaitheanas, oir tha Dia ullamh air maitheanas a thabhairt. Is breugach iad a theireadh nach ’eil tlachd aig Dia ann am bhi ’toirt maitheanais. “Ged robh ’ur peacaidhean mar sgarlaid, bithidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcur, bithidh iad mar an oluinn.” Bha an dath sgarlaid air a chur air a chlòimh mu ’n do shniomhadh e, agus tha am peacadh mar sin ann an nàdur. Bha an nàdur peacach mu ’s robh an cleachdadh mar sin: ach gabhaidh sin atharrachadh gu dath an t-sneachda. Ged bhitheadh dath dùbailte, mar an corcur, air a’ pheacadh is urrainn e a ghlanadh as. 4. Is i so a’ phuinng mu dheireadh: is ni reusonta gun iarradh Dia, leis a mhaitheanas so, ùmhlachd d’ a àithne. Agus ciod i an àithne? Is i so i, “Ma bhitheas sibh toileach agus umhal, ithidh sibh toradh maith an fhearainn, ach ma bhitheas sibh easumhal agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh.” A pheacaich, is i so a’ cheist: Am bheil thu toileach? “Toileach air ciod? Tha mi toileach air dol as o ifrinn.” Ach co nach ’eil? Am bheil thu toileach bhi air do theàrnadh uait fhéin ’us o na pheacadh d’ am bheil gràdh agad? Am bheil thu toileach aon pheacadh a thoirt thairis air sgàth Chriosd? Tha an Tighearn ’g a agradh dhiot. Gu-m b’ ann a bheireadh e dhuit e! a’ toirt duit cridhe feòla. Ma bitheas sibh toileach, is i sin a’ cheist. Agus an sin, “Ma bhitheas sibh umhal.” An uair a theàrnas Dia anam, ni e umhal e: oir cha bhi saighdearan aig Criosd nach bu umhal d’ a fhocal. “Ma bhitheas sibh toileach agus umhal.” Umhal co dha? Umhal do aitheantaibh an t-soisgeil. “Deanaibh aithreachas”—bitheadh am peacadh graineil agaibh; Deanaibh aithreachas ’us bithibh air ’ur n-iompachadh”—is e sin, iarraibh nithean eile. Gu-n cuidicheadh Dia sibh gu a ràdh, “O Tighearna, Tha uam bhi glan agus naomh; thoir neart dhomh an aghaidh buairidh, agus gu coiseachd an slighe d’ àithne. Tha Dia ’gealltuinn ’ur cabhar. Air sgath Iosa gheall e maitheanas do na h-uile peacadh a chaidh seachad, agus riaghlaidh e os ’ur cionn gu caoimhneil gràdhach o so a mach. Ma bhitheas sibh toileach agus umhal.” Rev. C. H. SPURGEON. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do’ n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 105] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1878. PHILIP SEARCAIDH, AN GOBHA IOMPAICHTE. [Dealbh] BHA Philip Searcaidh ’n a ghobha ann an Cillemharnaig. Thogadh e ’n a Phapanach, ach b’ fhad o thréig e creidimh ’oige. Dh’ fhàs e anacreidmheach ’n a bheachd, agus mi-stuaim ’n a bheus. Agus a thuilleadh air sin, bha Philip ’n a dhuine, le neart buaidhean ’inntinn agus blàthas a chridhe, a bha comasach air a bhi ’n a fhear-seòlaidh air càch mu ’n cuairt air. Bha mòran aig ri ràdh mar sin am measg a luchd-eòlais. Mar a thubhairt e fhéin, “Bu sheirbhiseach dìleas an diabhuil mi fad dà fhichead bliadhna ’s a tri deug.” Thubhairt fear d’ a chompanaich là riumsa, “Eh! tha mi ’g ’ur tuigsinn, tha sibh airson mise ’iompachadh; ach feuchaibh ri Searcaidh; tha esa ’n a ghille tapaidh, cha bhi sibh gun fhreagradh o Phil.” Fad thri bliadhna is gann gu ’m fuilingeadh e mi dhol ’g a fhaicinn. Bhitheadh e toilichte na ’m fanainn uaithe; ach dh’ fhàg cridhe caoimhneil April 1878. “Philip Sharkey, the Converted Blacksmith.” [TD 106] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1878. TD 2] Philip e gun chomas droch fhocal a ràdh rium; agus cha d’ rinn e ni riamh bu mhiosa no an claoidhean a chur air an dorus ’n uair a chitheadh e ’tighinn mi. Is e an aon chrioch a bh’ agam a choguis a dhùsgadh na ’m faotainn, a’ seòladh ’aire aig an àm cheudna a dh’ ionnsuidh Iosa mar thiodhlac Dhé dha, agus ’n a thairgse nis agus ’an so direach mar a bha e. B’ e a chrioch-sa na nithean ud a chumail uaithe, agus an ùine a chaitheamh a labhairt air nithean gun bhrìgh; no, na ’s miosa no sin, ag iarraidh mearachdan fhaighinn ann an eachdraidheachd a ’Bhiobuil. Ach ged a thug e dian oidheirp air an fhìrinn a chur uaithe, bha i ann mar chlaidheamh an Spioraid, “geur agus cumhachdach.” “A dhuine,” ars’ esa là, “tha thu ’g am fhàgail truagh. Cha-n’eil thu a’labhairt ri daoinibh eile mar sin, am bheil?” Bha sùil Dhé ’g a leantuinn ’n a shlighe sheachranaich air fad, agus bha àm comharraichte a phillidh nis air teachd. Is e an Tighearn féin a rinn e uile. Bu thaitneach an sgeul a chluinntinn o ’bheul féin agus na deòir a sileadh o a dha shùil; ach cha-n ionnan bhi ’g a leughadh an so gun am faireachadh, agus gun na deòir air na gruaidhean dubha. Ach feuchaidh mi r’ a thoirt seachad mar a dh’ fhaodas mi, ’n a dhoigh féin. “Co bha ’labhairt riut, Philip?” thubhairt mi ris là ann a cheardaich bhig, far an d’ fhuair mi e le beul fosgailte agus cridhe farsuinn a ’moladh an t-Slanuidhir. “Cha robh neach air bith a’ labhairt riumsa an tràthsa; ach innsidh mi dhuibh uile e. Air maduinn Demairt, an deigh mo bhiadh-maduinn, ghabh mi am Biobull, agus leugh mi earrainn bheag de shoisgeul Eoin ’s an treas caibdeal. Ach mar a leugh mi thainig smuain uamhasach a stigh do ’m inntinn; bha a’ ghath annam mar shnathad seillein, agus thug e orm nach b’ urrainn mi tuilleadh a leughadh.” “Ciod e an smuain a bh’ann, Philip?” “Is ann a thòisich e mar so. Chunnaic mi gu ’m bu duine maith Nicodemus, maith thairis ormsa, ach cha b’ urrainn esan ’bhi air a thearnadh gun aithbhreith; agus thubhairt mo choguis rium, ‘Ciod a thig de thruaghan mar a tha thusa?’ Bha fios agam gu ’n d’ fheuch mi ri bhi maith; agus ged nach d’ rainig mi fhathasd air, shaoil leam gu ’n ruiginn uaireigin air; ach a bhi air mo bhreith a rìs, cha d’ fheuch mi ri sin riamh. Cha do smuainich mi idir air, agus cha do thuig mi ciamar bha e gu bhi; agus gidheadh mar bitheadh e ann cha-n fhaodainn rìoghachd Dhè ’fhaicinn. Bha mi fo amhluadh, agus cha chuimhne leam co dhiubh leig mi tuiteam do ’n leabhar no an ann a thilg mi uam e; ach dhealaich mi ris, agus chaidh mi mach dh’ fheuchainn am faighinn saorsa o ’n eagal a thug e orm. Ach cha b’ urrainn mi. ‘Ud,’ arsa mise, ‘is ni faoin a th’ ann.’ Ach thubhairt ni ’n am chridhe, ‘cha-n e, ’s e an fhirinn a th’ ann.’ Chaidh mi stigh do ’n cheardaich, agus dh’ fheuch mi r’ a chur as mo chuimhne, ach cha rachadh leam; is ann a dh’ fhàs mi na ’s miosa, cha robh mi riamh ’an leithid a chor roimhe. Ma fhuair neach riamh blas air ifrinn, fhuair mise e air Demairt, ’us mi ’n am sheasamh le ’m ord ’am làimh fa chomhair na h-innein an sin, agus mi ’n am fhollus mòr le uamhas. Bha ifrionn a’ fosgladh a beoil dhomh, agus mise dìreach ’dol stigh ann, agus cha robh na rinn mi o chionn thri bliadhna ’us dà fhichead ach a’ carnadh peacaidh air mo cheann. ‘Och,’ arsa mise, ‘bu mhaith mur d’ rugadh riamh mi!’ B’ eagallach mo chor! Cha b’urraiun mi a ghiùlan; agus ’s ann a chròm mi sios air mo ghlùnaibh ’s an oisinn am measg a’ ghuail, (bha greis o nach robh mi air mo ghlùnaibh roimhe,) agus dh’ éigh mi airson trocair. “Is e mo bharail cuideachd gu’ n d’ fhuair mi e. An uair a bha mi a’ cromadh an sud, gun fhios ciod e bha mi ag ràdh, thainig solus iongantach a stigh do ’m inntinn. Chunnaic mi nithean na ’s soilleire no chunnaic mi [TD 107] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1878. TD 3] riamh iad. Dh’ aithnich mi riamh gu ’n robh mi olc gu leòr, agus b’ e mo rùn gu ’m bithinn na ’s fhearr uaireigin; agus ge ’d nach d’ rainig mi fhathasd air, fhuair mi coire dhomh féin airson nach robh mi dùrachdach gu leòr, agus shaoil leam an ath uair a dh’ fheuchainn ris gu’n d’thugainn oidheirp a dheanadh an gnothuch. Ach cha-n fhaca mi gu’s an robh mi air mo ghlùnaibh, gu ’n robh e seachad air sud mar tha; seadh, ged a b’ urrainn mi mi fhéin a dheanamh na ’s fearr nach bithinn ceum na ’s fhaisge air an ni, oir bha mi caillte a cheana, agus cha b’ urrainn mo stri uile gu léir atharrachadh a dheanamh air sud. Ach le so chunnaic mi ni eile; gu ’n robh slàinte air a cosnadh le Iosa Criosd; gu ’n do ghabh esa am peacadh agus gu ’n d’ fhuiling e air a shon; agus nach d’ fhàgadh ni dhomhsa r’ a dheanamh, ach a ghabhail dìreach mar a thairgeadh e. Oh, a dhuine, mar a rinn mo chridhe greim air! agus dh’ éirich mi làn iongantais gu ’n gabhadh an Tighearn Iosa gnothuch ri mo leithidse; b’ e an t-iongantas e; ach is e fuil Chriosd a ghlanas o na h-uile peacadh. Ma bha mi ann an ifrinn roimhe, bha mi ann am flaitheanas riamh o sud. Cha robh mi sona riamh gu so, agus cha do sguir mi a dh’ oidhche no a là a dh’ ùrnuidh. Bha mi ag ùrnuidh fad na h-oidhche an raoire ’n am bhruadairibh.” Bha gluasad mòr air Philip ’n uair a dh’ innis e sud, agus mòr iongantas ris a ghràs a lùbadh sios gu amharc air. “Ach,” ars’ esa, “cha-n innis sibh so do neach ’s am bith.” “Ciod e so! Philip, am bheil naire ort as an Tighearn Iosa?” Bhuin sud gu maith goirt ris, agus thubhairt e, “Cha-n ’eil. Cha robh naire orm á Satan an uair a bha mi ’n a sheirbhis gu mo dhochann féin; agus, saoil sibh, am bith nàire orm á Criosd? Cha bhi, cha bhi; ach a dh’ innseadh na fìrinn, cha-n ’eil mi cinnteach gu ’n seas na th’ agam. Fanaibh beagan gu ’s am faic sinn. Is minic a dh’ fheuch mi ri bhi maith, agus dh’ fhalbh e uam ’an là no dhà! agus ciod e, na ’m falbhadh so uam cuideachd! Ach tha dòchas na ’s fearr agam, oir cha d’ fhairich mi riamh ’leithid so; ach gidheadh is creutair dìblidh, lag, mi, agus mur urrainn mi maith a dheanamh do ’n aobhar, cha bu mhaith leam a chall a dheanamh.” Dh’ iarr mi air Philip a choimhead earbsadh ris an Tighearn, agus, an deigh ùrnuidh a dheanamh cuideachd, dhealaich sinn. Ach cha b’ urrainn e fhéin a chleith. Dhealraich coinneal Dhé triomh an t-soitheach bhearnach leis an do smuainich e a folach. Bha e air an là sin féin aig a choinnimh ùrnuidh; agus an uair a chaidh a sheana chompanaich ’g a amharc fhuair iad e ’n a dhuine nuadh ann an inntinn agus ann am focal. Bha focal Dhé ’n a chridhe mar theine loisgeach ’n a chnàmhan, ’us loisg e a rathad mach as, a dh’ aindheoin air, agus cosmhuil ris an fhàidh cha b’ urrainn e fantuinn. (Ier. xx. 9.) Bha e gach là aig a’choinnimh. Thubhairt e aon là, “Ciamar tha e ’tachairt nach ionnan ùrnuidhean dhaoine ’us mar a b’ àbhaist doibh bhi? B’ àbhaist doibh bhi ’n an sgìos do neach.” “Och, Philip,” arsa mise, “’s ann ort fhéin ’thainig an t-atharrachadh, ’us cha-n ann air na h-ùrnuidhean.” Bu dhùrachdach a’ sireadh nan Sgriobtuir e. B’ iad an dà aobhar bròin aige gu ’n do chaith e a là ’s a’ pheacadh, agus nach fhac e gu sud gloire focail Dhé. M’ a chaitheamh-beatha roimhe sud theireadh e, “Is ann bha mise fad mo là mar dhuine ’cur a chota dheth gu dearbadan-dé a ghlacadh.” Beagan laithean an deigh an atharrachaidh dh’ innis e dhomh mu cheisd a thainig dlù d’ a choguis. Thachair gu ’n robh doigh air beagan tastanan a chosnadh ann an rathad bha gnàthaichte anns a’ cheaird, ach nach robh a réir focail Dhé. Gidheadh dh’ fhairich e comhstri beag aige, gu h-àraidh a chionn ’s gu ’n robh am buaireadar ag iarraidh a choguis a ribeadh le reusonachadh feallsa. Ach ann am freagradh do dh’ ùrnuidh, fhuair e seòladh ciod a dheanadh e, agus neart gu a dheanamh. “Ach,” ars’ esa, “’n am b’ ann ceithir- [TD 108] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1878. TD 4] là deug roimhe a bhitheadh e, cha chuireadh e ceisd orm; ach a nis is e mo ghnothuch seirbhis a dheanamh do ’n Tighearn Iosa.” Sé seachduinean an deigh ’iompachaidh ghlac trioblaid e agus an ceann cheithir miosan thainig a’ chrioch. Fad na h-ùine bha a thlachd ann am focal Dhé. Bha toil mhòr aige do na sailm. Bha Soisgeul Lùcais ro bhlasd’ aige mar an ceudna, agus cha b’ urrainn e an Litir dh’ ionnsuidh nan Romanach a chur uaithe. “Am bheil thu troimh na Romanaich fhathasd?” thubhairt mi ris là, an deigh dhomh ’fhàgail aig an 12mh caibdeil an là roimhe. “Cha-n ’eil,” ars’ esa, “tha eagal orm nach fhaigh mi troimhe an so; thoisich mi rìs air.” B’ e ’fhocal mòr, “Glanaidh fuil Iosa Criosd a Mhic sinn o gach uile pheacadh.” Beagan mu ’n do chaochail e thubhairt a bhean ris, “Ach, Philip, nach ’eil eagal a bhàis ort? Is uamhas leamsa smuaineachadh air.” Thubhairt e, “Cha-n ’eil, a Pheigidh, ciod e an t-eagal bhitheadh orm á duine a bhàsaich air mo shon?” “Ach, Philip,” arsa mise, “nach ’eil do pheacadh a’ cur uamhais ort?” “Cha-n eil,” ars’ esa; “tha fuil Chriosd a’glanadh o gach uile pheacadh. Tha mise ’g a fhaicinn mar so: tha Dia ’g a ràdh, ’us tha mise ’g a chreidsinn. Tha cuid a dhaoine cho cinnteach, ’us gu ’n earbainn m’ anam riu. Cha-n e nach fhaodadh iadsan ’bhi air am mealladh; ach dh’ earbainn e ri ’m fìrinn. Cha mhealladh iad creutair bochd le ’m fìos chum a sgrios siorruidh. Agus am bheil an Tighearn Iosa air dheireadh orrasan? Is e sud a’ charraig air an do thog Peadar—Fuil Chriosd, agus focal Dhé. Mheudaich a thrioblaid, ach cha do lughdaich a dhòchas. Shocraicheadh e air gràs saor, saoibhir, trid fola phriseil Chriosd. Thubhairt coimhearsnach a bha gu tinn ris, aon oidhche, ’us e fo chùram mar an ceudna mu ’anam. “Seadh, Philip, tha mi ’creidsinn gu bheiI Dia toilichte maitheanas a thoirt domh; ach, faic, is éigin gu ’m fuiling mi mòran. oir is mòr am peacach mi.” Thubhairt Philip, “Cha dean sin an gnothuch, a dhuine, cha-n fhaod fear agaibh bruidheann mu pheacadh agus mu smachdachadh mar a bhuineas dhomhsa. Ach is e mo shòlas gu ’n tug an Tighearn Iosa mo pheacadh air falbh, agus gu ’n do ghiùlan e an smachdachadh air a shon air a chrann-ceusaidh. Agus a thaobh mo thinneis, is e th’ ann Dia a’ buntainn gu caoimhneil rium airson mo mhaith.” An uair mu dheireadh a chunnaic mise e bha e ’am mòr amhghar cuirp, ach làn sìth’ n a inntinn. Le mòr spairn thubhairt e, “Cho luath—’sa theid—an anail mu dheireadh asam an so—tuitidh ni air ball—ann an gairdeanaibh Chriosd.” A leughadair gun chùram! Cha robh an duine ud na bu mhiosa na thusa, agus ma chuir a pheacaidhean ’leithid a chùram air, ciamar nach ’eil do chuidse ’g a chur ortsa? A leughadair fo chùram anama! Cha b’ fhearr an duine ud no thusa. Eisd ri briathraibh gràsmhor an Fhirshaoraidh ud: “An neach a thig do ’m ionnsuidh-se cha tilg mi air chor ’s am bith a mach e.” (Eoin vi. 37.) Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 109] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. AN CEITEAN 1878. SE CEISTEAN. (O “RABHADH” ALLEINE, 1666.) [Dealbh] Is e thubhairt Romanach urramach, an uair bha e le cabhaig a’ toirt sìl a dh’ ionnsuidh a’ bhaile, air muir, ri linn gorta, agus a bha na seòladairean leisg air seòladh ri droch aimsir, “Is éigin duinn seòladh, cha-n éigin duinn bhi beò.” A leughadair! ciod e a tha thu a’ meas ’n a éigin? An éigin duit aran a bhi agad? An éigin duit an anail a bhi annad? Ma ’s eadh, is ro éigin duit bhi air d’ aithbhreith. Tha do shlàinte an crochadh air. Cuimhnich gur do-dheanta dhuit dol do fhlaitheanas gun aithbhreith. An urrainn neach ach Criosd do thearnadh? Agus tha e ag ràdh nach tearuinn e thu gun aithbhreith. (Mat. xviii. 3; Eoin iii. 3.) Nach ’eil iuchraichean nèimh aige? Agus an teid thusa stigh gun a chead? Is éigin duit sin ma thig thu ann an staid naduir. “Mar is beò mise, deir an Tighearn Dia cha-n ’eil tlachd agam ann am bàs an aingidh, ach May 1878. “Six Questions.—(From Alleine’s ‘Alarm,’ 1666.’ [TD 110] [AN CEITEAN 1878. TD 2] gu-m pilleadh e o a shlighe ’s gu-m maireadh e beò. Pillibh, pillibh o ’ur droch shlighe; oir c’uime bhàsaicheadh sibh.” (Esec. xxxiii. 11.) O, na briathran leaghaidh, druidhteach! Cha-n e so slighe dhaoine, an righ a fhuair oilbheum a bhi ’tagradh ris an neach a thug an t-oilbheum, am fear-brathaidh ceannairceach! Oh gu-n eisdeadh sibh r’ a ghuth “an diugh!” Seallaibh sé ceisdean. A leughadair! An cuir thu riut fhéin iad? 1. Ciod e an staid ’s an d ’thainig m’ anam a dh’ ionnsuidh an t-saoghail? Nach ann an staid a’ bhàis? (Eph. ii. 1)—staid feirge? (earr. 3.) A dhaoine, dùisgibh! agus smuainichibh c’ àite am bheil sibh a’ dol. An uair a tha sibhse ann an staid naduir, gun aithbhreith, gun chreidimh, tha ’ur peacaidhean gun mhaitheanas fhaighinn, agus tha fearg Dhé os ’ur cionn. (Gniomh. iii. 17; Eoin iii. 36.) Nam faiceadh tu creutair bochd an crochadh os cionn àmhuinn theinntich gun ni aige ach snathainn chaola ’n a ghreim, nach bitheadh do chridhe goirt? Is ann mar sin a tha sibhse: tha sibh an crochadh os cionn a’ bhàis shiorruidh, gun ni ’n ’ur greim ach snathainn chaol na beatha tha làthair, ’n uair nach ’eil fhios agaibh cho luath ’s a bhriseas i, agus an sin c’àite am bi sibh? Am bheil coir agaibh air a bhi riaraichte le sin? 2. Ciod e an staid ’s am bheil m’ anam a nis? An d’ fhuair mi atharrachadh nan gràs, no nach d’ fhuair? Labhair, a choguis; an d’ fhuair an duine, no a’ bhean, no an leanabh ud atharrachadh fallain, sàbhalaidh, an cridhe ’s an caitheamh-beatha? C’ àite am bheil ’fhianuis? An urrainn thu comharraidhean Iosa Criosd a nochdadh air d’ anam? Freagradh do choguis. C’ àite, no cò am meadhon, no cò an uair, ’s an d’ thainig an t-atharrachadh air d’ anam? No mur urrainm thu sin innseadh, am bheil fianuis agad air an ni? An urrainn thu a ràdh leis an neach a rugadh dall “air aon ni tha fios agam, gu bheil mi nis a’ faicinn.” A dhaoine, na meallar sibh; tha mi ag radh ribh, cia b’ e na ni sibh, nach tearuinn ni air bith sibh, mur bi sibh ’n ’ur creutairean nuadha. (Gal. vi. 15.) 3. Ciod e nan caillinn m’ anam? Nach bochd an obair bhitheadh ann an sin? Faodaidh a bhi. (Mat. xvi. 26.) Seadh, tha e fior mar is trice. A dhaoine, seachnaibh ’ur cunnart, agus bitheadh eagal oirbh, air do ghealladh bhi agaibh air dol a stigh do shuaimhneas, gu ’n tigeadh aon air bith agaibh an deigh-làimh air. (Eabh. iv. 1.) Abraibh gu ’n robh duine a’ coiseachd troimh choille no fhàsach chunnartach, gun aige ach aon neamhnad, far an robh a chuid uile, agus gu-n cluinneadh e fear an so ’us fear an sud a’ glaodhaich ’us iad an greim aig mearlaich gun iochd,—Oh! ciod e an t-eagal mòr bhitheadh air an duine, gu-n tugadh na mearlaich a neamhnad uaithe! Ach, is tusa an duine; is tusa an coisiche; is e an neamhnad d’ anam; is e am fàsach no a’ choille an saoghal; tha meall de pheacaidhean, miltean de dheamhnan, agus làn saoghail de bhuairidhean ann—is iad sin na mearlaich a tha ag iarraidh an anama; agus ma ’s urrainn iad sin do chumail a flaitheanas, cha teid thu stigh ann gu bràth. Oh! ciod e ma brathas d’ uabhar, no do shaoghaltachd, do dhàil agus do dhiomhanas ’s an diadhachd, do làmhan nam mearhich thu! Gabhaidh iomadh call eile a leigheas; ach ma chaillear d’ anam caillidh tu Dia, caillidh tu Criosd, caillidh tu flaitheanas—caillidh tu na h-uile ni, gu siorruidh! 4. Ciod e tha mi ’deanamh air son m’ anam? Ciod e so! Am bheil anam neobhàsmhor agam, agus nach gabh mi na ’s mò a chùram as, no nach bi tuilleadh a mheas agam air? An uair a chunnaic Augustus an t-ard-cheannard, na boirionnaich o chéin a’ giùlan apachan, agus creutairean iongantach eile ’n an gairdeanaibh, thubhairt e, “Ciod e so! Nach ’eil clann aig na boirionnaich ’s na tìribh ud?” Faodar a ràdh mar sin mu ’r timchioll-ne, a tha ’g ar sàruchadh féin leis an t-saoghal, ach aig nach ’eil spéis do ’n anam, “Ciod e so! Nach ’eil anaman aig na daoinibh sin?” [TD 111] [AN CEITEAN 1878. TD 3] Am bheil anam agad, a dhuine, ’n uair a tha thu ’deanamh cho beag; air a shon ’s an t-seòmair uaigneach, no ’s an teaghlach o là gu là? Ciod e a ’s ciall duit, fhir a’ chodail? Eirich, gairm air do Dhia, chum nach bàsaich thu. (Ion. i. 6.) Ciod e thig de d’ anam, ma ni thu a dhearmad mar sud? 5. Ciod e, nan iarradh Dia m’ anam an nochd? C’ àit’ an tugadh am bàs mi? (Luc. xii. 19, 20.) Bha neach ann a gheall d ’a fhéin iomadh la sona, mar a dh’ fhaodus tusa bhi ’deanamh, ach air an oidhche sin dh’ iarr Dia’ anam air. A dhaoine, am bheil sibh ullamh? Am bheil sibh ullamh airson a’ bhàis? Oh, na bithibh beò mar sin, no ann an cùrsa gu-m b’ eagal duibh am bàs ’ur faighinn ann! 6. Nach bithinnse sona nam faighinn m’ anam air a thearnadh? Oh, nam bitheadh sin agad, ciod e cho sona ’s a bhitheadh do bheatha! Dh’ fhaodadh tu itheadh’us òl le cridhe suilbhir,’n uair bhitheadh fhios agad gu-n do ghabh Dia riut fhéin us ri d’ obair (Eccl. ix. 7.) Dh’ fhaodadh sìth bhi agad a ghnàth. Dh’ fhaodadh tu aghaidh thoirt do ’n bhàs agus do ’n chunnart gun eagal ’s am bith bhi ort. Imich, ma ta, gu Criosd, iarr maitheanas do pheacaidh troimh a bhàs. Earb d’anam ris, creid ann, agus bithidh an sonas so agad; ach imich ann a nis, gun dàil. Agus a nis, leigibh ris dhomh ’ur n-inntinn. Ciod a tha sibh gu dheanamh? An lean sibh roimhibh agus am bàsaich sibh, no an cuir sibh atharrachadh roimhibh gu luath,agus an dean sibh greim air a’ bheatha mhaireannaich? “Cia fad ’s a bhitheas sibh ’s an ioma-chomhairle eadar dha bharail?” (1 Righ xviii. 21.) Nach do chodhùin sibh fhathast co dhiubh is e Criosd no Barabbas, sonas no dòruinn, an saoghal diomhain so flaitheanas a ’s fearr? Co dhiubh is e cùpan a’ pheacaidh a’ s fearr no uisge na beatha, soilleir mar chriostail, a ’teachd a mach o righchaithir Dhé agus an Uain? An urrainn an saoghal de rìreadh sin a dheanamh dhuibhse a’ s urrainn Criosd. An seas e leibh chum na siorruidheachd? An teid toilinntinn, fearann, ard-ainmean, agus ionmhais stigh leibh? (Salm xlix. 17; 1 Tes. vi. 7.) Mur teid, nach fearr dhuibh amharc airson ni a theid? Ciod e so? Am bheil roimhibh a bhi thuige ’s a uaithe a ghnàth? Am fàg mi sibh cosmhuil ri Agrippa gun ni ach gu bheil sibh ach beag air ’ur n-aomadh gu bhi ’n ’ur Criosduidhean? Ma dh’ fhanas sibh an sin tha sibh caillte! Is ceart cho maith gun a bhi ann idir, no bhi ach beag ’n ’ur Criosduidhean. Cia fad ’s a dh’ fhanas sibh le iarrtusan diomhain, agus rùintean faoin agaibh? C’ uine a rùnaicheas sibh gu firinneach? Nach léir dhuibh mar a tha Satan ’g ’ur mealladh le ’ur tàlaidh gu bhi ri dàil? Cia fad ’s a threòraich e sibh air slighe na leirsgrios! Cia fad o bha rùn pillidh oirbh! Ciod e nan gearradh Dia sios sibh ’s a staid ud! Na cuiribh so uaithe, a chairdean, le bhi ag iarraidh dàil. Na labhraibh mu mhaireach. Mur ’eil an rùn nis agaibh ’n uair tha Dia ’labhairt ruibh, cha-n ’eil e coltach gu-m bi e agaibh an deigh so, ’n uair e theid sud seachad, agus a tha sibh air ’ur cruadhachadh troimh mhealltaireachd peacaidh. Am fosgail sibh an dorus nis do Chriosd? Ciod e tha sibh ag ràdh? Thigibh, togaibh ’ur còir. Deanaibh roghainn. “Is e so an t-àm taitneach; feuch, nis là na slàinte.” “An diugh ma dh’ éisdeas sibh r ’a ghuth.” Carson nach toiseacheadh do shonas an diugh? Carson a chuireadh tu dàil aon là ’s an atharrachadh mhòr a thu uait? Ciod e nan agradh Dia d ’anam dhiot air an oidhche so? Oh, gu-m b’ aithne dhuit air bheag ’s am bith ann ad là so féin, na nithe a bhuineas do ’d shìth mu-m folaichear o ’d shuilibh iad! (Luc. xix. 42.) Is e so do là ach cha-n ’eil ann ach là. (Eoin ix. 14.) Bha an là fhéin aig muinntir eile, agus fhuair iad an tuarasdal; agus a nis tha thusa ’s an t-saoghal chum do chuid fhéin a dheanamh airson siorruidheachd! Faic, cia b’ i e do roghainn nis, is ann a réir sin bhitheas do chor gu siorruidh. (Luc. x. 42, xvi. 26; Gnàth. i. 24-29.) [TD 112] [AN CEITEAN 1878. TD 4] Agus am bheil sin fior? Am bheil beatha ’us bàs ’n ad roghainn? Carson ma ta nach bitheadh tu sona? Cha-n ’eil ni a chumas sonas uait ach do dhearmad agus do dhiùltadh féin. Is e thubhairt an caillteanach ri Philip, “Feuch, uisge; ciod a tha ’bacadh mise bhi air mo bhaisteadh?” Mar sin faodaidh mise ’radh ruitse, “Feuch, Criosd, tròcair, maitheanas, beatha; ciod e tha ’bacadh thusa bhi a’ faotainn maitheanais, tearnaidh? “Mar a bha fear de na mairtirich ag ùrnuidh ri aghaidh teine an losgaidh, chuir iad tairgse de mhaitheanas roimhe ann am bocsa, ach dhiùlt e e le tàire o ’n bha easonoir ann; ach cha-n ’eil easonoir ceangailte ri maitheanas an t-soisgeil ach onoir mhòr. O, a pheacaich, an loisg thu, agus do mhaitheanas ri d’ thaobh? Oh, aontaich le Criosd, do pheacadh a thréigsinn, tu fhéin àicheamh, a’ chuing ’s an crann-ceusaidh a thogail, agus coisinnidh tu an là; is leat Criosd,—maitheanas, sìth, beatha, sonas, is leat iad uile. Tha an Spiorad Naomh nis a’ stri ribh: cha dean e sin a ghnàth. Nach d’ fhairich thu am focal ’cur blàthas ’n ad chridhe, agus thu ach beag air d’ aomadh gu bhi ’na ’d Chriosduidh? Nach d’ fhairich thu gluasadan maithe ’n ad inntinn a bha ’toirt fhios duit air do chunnart, agus ag innseadh dhuit a’ chrioch gus an tigeadh tu? Faodaidh bhi gu bheil thu cosmhuil ri Samuel òg, nach d’ aithnich guth an Tighearna an uair a ghairm e air, uair ’us uair, (1 Sara. iii. 6, 7;) ach is’ iad sud brosnachaidhean agus tograidhean a tha ’tighinn o thairgseachan, gluasadan, gairmean,—o stri an Spioraid. O, gabh comhairle agus gabh aithne air là d’ fhiosrachaidh! Tha an Tighearn Iosa nis a’ sìneadh mach a dha ghairdean chum gabhail riut; tha e a’ guidheadh ort leinne. O, na tha de bheothalachd, de leaghadh, de thruas, de thròcair ’n a ghairm! Oh! an e cluas bhodhar a gheibh e uait? Cha-n e guth nam mallachd ’us nan uamhas a th’ ann, ach guth nam beannachd, agus deagh naigheachd. Cha-n e guth na trompaid, no guth a’ chogaidh a th’ ann, ach teachdaireachd na sìthe o Righ ’na sìthe. (Eph. vi. 15; 2 Cor. v. 18-20.) Faodaidh mise ràdh riut, a pheacaich, mar a thubhairt Marta r’ a piuthair, “Thainig am Maighistir, agus tha e ’g ad ghairm.” (Eoin xi. 28.) Agus a nis, le Muire, eirich gu luath, agus thig d’ a ionnsuidh. Tha e ’labhairt gu follaiseach, “Ma tha tart air neach ’s am bith, thigeadh e do ’m ionnsuidh-se agus oladh e.” (Gnàth. i. 21; Eoin xvii. 3.) “An neach leis an àill gabhadh e uisge na beatha gu saor.” (Taisb. xxii. 17.) “Cia b’ e neach tha baoghalta thigeadh e stigh an so. (Gnàth. ix. 4, 6.) “Thigibh do m’ ionnsuidh-se—’us gheibh sibh fois.” (Mat. xi. 28, 29.) Oh, mar a chaoineas e am fear-diùltaidh! “O Ierusalem, Ierusalem, cia minig a b’ aill leam do chlann a chruinneachadh mar a thionaileas cearc a h-eoin fo a sgiathaibh, agus cha b’ àill leibh!” (Mat. xxiii. 37.) Feuch mi, feuch mi! Shìn mi mach mo làmh fad an latha si sluagh ceannairceach. (Isa. lxv. 1, 2.) Oh, géillibh a nis agus tilgibh sibh fein ann an gairdeanaibh a ghràidh! Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 5 SOUTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 113] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1878. RITSEARD SEISIL. [Dealbh] O CHEANN cheud bliadhna ’us corr, bha aineolas mòr air fìrinn an t-soisgeil ri ’fhaighinn gu coitchionn air feadh na tìre so gu léir. Mu chrioch nan ceud bliadhna a dh’ fhalbh, dh’ éirich daoine suas air an do chuir Dia mòr onoir mar mheadhonan ath-bheothachaidh air an aobhar aige, chum sàbhaladh anaman. Mu chuid diubh sin cha-n ’eil iomradh a nis ach trid cuimhne a bhi air cuid de na nithean brioghmhoir a thubhairt, no na nithean mòra a rinn iad. Am measg nan solusan mor’ ud bha Deorsa Whitefield, na Uesleidhich, Rouland Hill, Raibeart agus Seumas Haldane, agus Eoin Neuton o Olneidh. Ach, ’n am measg, ged nach ’eil na h-uiread a dh’ iomradh air, bha an duine air am bheil sinne gu beagan a ràdh nis. Rugadh an t-urramach RITSEARD SEISIL, mac dathadair do Chuideachd Innsean na h-Airde an Ear, ann an Lunnun, ’s a’ Gheamhradh 1748. ’N June 1878. “Richard Cecil.” [TD 114] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1878. TD 2] uair bha e ’n a leanabh, ’us e a’ cluicheadh aig ionad-oibre ’athar, thuit e troimh an eigh ann an lochan. Fhuair iad e troimh chleòca sgarlaid a bh’ air bhi air fhaicinn le fear de na daoinibh, a tharruing a mach e ann an riochd mairbh. Uair eile chaidh a chòta an sàs ann an rotha muilinn, agus shàbhaladh e le a chos a thogail ri aghaidh an eich a bha ’g a thionndadh. Ach mar a thubhairt e fhéin tric le bròn, cha d’ rinn na tròcairean comharaichte bha an sud esan a thionndadh ceum o a ghòruich. Mar a dh’ fhàs e suas gu inbhe gille, nochd e gu luath inntinn làidir a bhi aige. Bha e calma, seasmhach, do-cheannsachaidh, ’n a cheannard am measg a chompanach, agus rinn e soilleir e, nam bitheadh saoghal aige, gu-m bitheadh e cumhachdach aon chuid airson uilc no airson maithe. Cha b’ aithne dha an t-eagal; agus ma chuir daoine ’n a aghaidh gu h-àraidh le guin, no gu micheart, chuir e ’n an aghaidh-se gu dian. Ach bha nithean sònruichte eile aige. Cha robh suim aige do ni bha tàireil, cealgach, meallta; agus air dha fhéin bhi fearail, gràdhach, bha meas mòr aige air na buaidhean sin ann an càch. Bha e treibhdhireach, ceart, ’s na h-uile gnothuch. ’N uair a bha e ’n a leanabh, chaidh ’athair là gu Tigh nan Innseann, a’ toirt Ritseard leis, agus ag iarraidh air fuireach ris aig an dorus. Dhichuimhnich ’athair gu-n robh e ann, agus dh’ fhàg e an tigh air dorus eile. Dh’ionndrain a mhàthair Ritseard m’ oidhche. Chuimhnich ’athair a nis, agus thubhairt e “Bheir mi mo ghealladh gu-n d’ fhuirich e far an do chuir mi e.” A ’tilleadh a dh’ ionnsuidh an àite, fhuair e Ritseard a’ fuireach gu foighidneach mar a chaidh ’iarraidh air! Is ann mar sin bha an giullan laidir, ach gràdhach, a bha fhathasd gu bhi ’n a dhuine mòr. An uair nach robh e ach sé bliadhna dh’ aois, agus comas leughaidh aige, thug a mhàthair dhiadhaidh dha Comharradh airson cloinne, leabhar le Ianuaidh. “Bha mi air mo ghluasad gu mòr” thubhairt e an deigh sud “le leabhar Ianuaidh; agus is cuimhne leam gu-n do ghuil mi. agus chaidh mi gu cùil, far an d’ rinn mi ùrnuidh gu-m faighinn còir ann an Criosd, mar a fhuair neach de ’n chloinn air an robh iomradh ’s an leabhar ud, ged nach robh fìos agam ciod e bu bhrìgh dha.” Mar so bha Spiorad an Tighearna à labhairt gu moch r’ a anam, ged a bha e fior fhathasd fad iomadh bliadhna, “nach b’ àill” le Ritseard Seisil. B’ e rùn ’athar marsanta a dheanamh dheth, ach cha robh toil aige dha. Is ann bha toil aige do dhealbhan agus do leabhraichean. Bhitheadh e far am bitheadh dealbhan ’g an reiceadh, agus bhitheadh e ’g an tarruing aig an tigh. Ach a nis air dha fàs suas, thug se e fhéin do dhroch caitheamh-beatha. Cha-n fhada gus an do dh’ aidich e bhi ’n a anacreidmheach. Gidheadh bha buaidh aig teagasg ’òige, agus focal Dhé ’n a chuimhne, air. Mar a sgriobh e an déigh sud, “Far nach ceannsaich teagasg pharantan, bacaidh e: tha e ’cur campar air an olc. Bha a’ mhàthair dhiadhaidh agamsa a’ leigeadh sios nithean air an t-slighe; cha b’ urrainn mi an cur uam. Dh’ aidich mi ’bhi ’n ara anacreidmheach; ach b’ fhearr leam bhi mar sin ann an cuideachd, na ’n uair bhithinn leam fhéin. Tharruing mi feadhain de ’m chompanaich a dh’ ionusuidh mo bheachd, agus b’ éigin bhi seasmhach ’n am fianuis. Chaidh mi le fear dhiubh a dh’ ionnsuidh an tigh-chluichidh a dh’ fhaicinn cluiche air an robh ‘The Minor.’ B’ urrainn esan gàireachdaich ris a’ chluich; cha b’ urrainn mise. Chunnaic esan anns an t-seana bhoirionnach, air an robh iomradh innte, samhladh air a’ mhuinntir dhiadhaidh uile: b’ aithne dhomhsa a’ chaochladh. Bu mhaith leis an tàire a rinneadh air an aithbhreith; ach cha b’ eadh leamsa. B’ aithne dhomhsa gu-n robh a leithid ann, agus cha b’ urrainn mi tàire a dheanamh air. Leanaidh teagasg a phàrantan mar so ri duine.” B’ aithne dha gu-n robh e clì, ach cha philleadh [TD 115] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1878. TD 3] e. Dh’ iarr e fois ann am bhi ’leughadh tuilleadh leabhraichean an aghaidh a’ chreidimh, ged a chunnaic e na ’s soilleire gach là cho faoin ’s a tha iad. Mar so bha a’ chaora bhochd, chaillte, “a’ siubhal air seacharan o bheinn gu cnoc.” Bha’ uair a phillidh am fagus. Air a ghràineachadh leis an t-saoghal, luidh e oidhche air a leabaidh ’smuaineachadh air a mhàthair, a bha euslan. “Chi mi dà ni gu soilleir” ars’ esan. ’S a’ cheud àite, tha mo mhàthair a’ fulang mòran ann an crannchur, ann an corp, agus ann an inntinn, gidheadh tha i air a cumail suas leis an neart a gheibh i o ’n Bhiobull, agus o ùrnuidh uaignidhich. ’S an dara àite, tha tobair sòlais folaichte aice nach aithne dhomhsa idir, ’n uair a tha mise ach beag gun toilinntinn idir, ged nach ’eil mi ag iarraidh ach e. Ma tha ni folaichte ’s am bith ’s an diadhachd, carson nach faighinnse eòlas air, cho maith ri mo mhàthair? Iarraidh mi e nis o Dhia.” Dh’ éirich e o ’leabaidh, agus chaidh e a dh’ ùrnuidh. An sin b’ éigin da foghlum nach robh dhasan ach mar a bha d’ a mhàthair “mar shlighe, agus fìrinn, agus beatha,” Criosd, Criosd a mhain. Rinn a’ mhathair aoibhneas, air do uair fhada dheurach de chur sìl a bhi aice, ann am bhi ’faicinn an atharrachaidh mhoir, ’n uair a chaidh e d’ a seomar a labhairt rithe mu chor ’anama. A ’fàgail na seana chompanaich, ghabh e nis gu h-aoibhneach, mar pheacach bochd, làn aithreachais, ri Criosd mar ’Fhear-saoraidh, agus lean e gu dichiollach air na meadhonaibh a chleachdadh, uaignidheach ’us follaiseach. B’ e nis togradh a bheatha an creidimh a gheur-lean e uaireigin a shearmonachadh do chàch. An déigh tri bliadhna a’ faotainn foghluim, chaidh e stigh mar mhinistear do ’n Eaglais Shasunnaich, ’s a bhliadhna 1777. Bha a cheud sgìreachd ann an Siorramachd Leicester, far an do bheannaicheadh a shaothair gu mòr, agus far an d’ iompaicheadh, am measg chàich, mac a’ mhinisteir a bha roimh ’s an àite. Bha an ath sgìreachd aige ann an Sussex aig Lewes. Bha a phàigheadh beag, agus bha a thigh cho truagh gu-n d’ fhuiling a shlàinte. Ach b’ e a mhiann cha-n e buannachd, ach anaman a chosnadh do Chriosd.” Bha e uair a’ tilleadh dhathigh air muin eich o Lunnun, agus thug meairlich ionnsuidh air ann an àite sònraichte. Thubhairt an ceannard ris, “Co thu!” ’us dh’ innis e dha. An uair a chual ’e, fhreagair an duine, “Is aithne dhomh sibhse, oir chuala mi sibh a’ teagasg aig Lewes,” agus a’ tionndadh ri càch, thubhairt e, “Leigibh as each an duine uasail so, feasgair maith leibh.” Thug an siataig ’n a cheann, a shàraich e aig Lewes, air a dhol á sin do Lunnun. Ann an sin shearmonaich e mar a dh’ fhaodadh e, le mor bhuaidh, aig Lothbury, Eaglais Chriosd, Spittalfields, Long Acre, agus àitibh eile. ’S a bhliadhna 1780, thainig e gu bhi ’n a mhinistear ann an Seapail Eoin ann am Bedford Row, an seapail bu mhò an Lunnun de ’n Eaglais Shasunnaich. ’S a bhliadhna 1781 phòs e neach de ’n choithionail aige an Lewes. ’S an eaglais ud bu mhòr a shaothair, ’a teagasg air amaibh ceithir uairean ’s an là. Bha cridhe an t-sluaigh aige, agus bha tlachd mòr aige ’n a shaothair. “Faodaidh mi rádh” ars’ esan ri neach àraidh là, “gu-n deachaidh mo thogail am measg dheòir o laithibh m’ òige, oir fhuair mi fuachd ’us mi-chaoimhneas ann an tomhas ’s na h-uile àite, ach ann an Seapail Eoin.” Mar fhear-teagaisg bha comas mòr aige air aire na h-inntinn a ghlacadh. Le bhi ’deanamh a theagasg freagarrach do shuidheachadh a luchd-éisdeachd, cha do sgìthich e riamh iad. Ach b’ e “Criosd agus esan air a cheusadh” an ni mòr aige. “Is e Criosd” ars’ esan “ordugh mòr Dhe. Cha deanar ni a ’s fiù gu bràth le meadhon air bith eile ach Criosd air a chur an ceill gu soilleire.” Dh’ iarr e a ghnàth treòrachadh an Spioraid, ach cha d’ riun siu a shaothair-ulluch- [TD 116] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1878. TD 4] aidh na ’s lugha. “Dh’ fhoghluim mi” ars’ esan “gun sùil bhi agam ri cuideachadh an Spioraid mar saothraichinn ann am bhi ’deanamh ullachaidh airson mo theagaisg, le bhi ’faicinn mar a dh’ éirich do dhaoinibh a thog a’ mhearachd ud. Chuala mi iad a’ labhairt nithean anns nach robh brìgh ’s am bith, fad uair a thim.” Bha mòran buaidh le a “theagasg ’s an tigh” airson an robh gibhte chomharraichte aige. Is ann aig na h-amaibh sin a labhair e nithe sònraichte a tha air an aithris ’s an leabhar tha ’g an iomradh. Seallaibh a h-aon diubh: “Thoir àite do ’n h-uile gné eòlais; ach cò an t-eòlas a tha r’ a choimeas ri eòlas Chriosd air a cheusadh. Caoimhneil. gràdhach b’ aithne dha “aoibhneas a dheanamh maille riusan a tha ri aoibhneas, agus bròn maille riusan a tha ri bròn. Dh’ fhoghluim a sin ’n a thrioblaid-teaghlaich féin. Aon uair ’us a bhean ro euslan, is e thubhairt e, “Cha-n urrainn mi ach a dhol earrainn gu earrainn mar a theid an t-eun o ghéig gu géig. Ghràdhaich e a’ chlann, agus ghràdhaich iad e. Bha e cho caomh, beò, modhail. Mhìnich e creidimh d ’a nighinn òig mar so. Bha i a’ cluicheadh le griogagan là. “Tha griogagan breagha agad an sin,” ars’ esa. “Tha,” ars ise! “Agus tha thu toilichte leo.” “Tha,” ars ise. “Mata, tilg ’s an teine iad.” Lion a sùilean le deòir. “Dean thusa mar is maith leat” ars’ esan, “ach tha fhios agad nach d’ iarr mise ort riamh ni a dheanamh ach le sùil ri do mhaith.” A’ sealltuinn suas r’ a h-athair thilg i ’s an teine iad. “Cluinnidh tu mu ’n timchioll fhathast. ach coma leat an tràth-sa iad. Beagan laithean an deigh sud, thug a h-athair leis bocsa làn griogagan na ’s mò, agus nithean bòidheach eile. Ghuil i le aoibhneas ’n uair a chunnaic i iad. “Is leat iad sin, a leinibh” ars’ esan, “a chionn ’us gu-u do chreid thu mise, ’n uair a thubhairt mi gu-m b’ fhearr dhuit an fheadhan a bh’ agad a thilgeadh ’s an teine. A nis, a ghaoil, cuimhnich fhad ’s is beò thu ciod e sin AN CREIDIMH. Cuir an dòchas ceudna á Dia. Creid gach ni a their e ’n a fhocal. Co dhiubh a thuigeas tu e no nach tuig, creid gur e do mhaith tha a ghnàth uaithe.” ’S à bhliadhna 1798 thainig euslainte throm air Mr. Seisil. Chualas e ag ràdh “Ma theid mi am feabhas, searmonaichidh mi na ’s fhearr na rinn mi, is e sin bithidh mi na ’s iriosail.” Thainig feabhas air, ach bha e cho lag gu-m b’ éigin da Lunnun fhàgail airson coimhthional beag air an dùthaich, aig Chobham. An so cuideachd lean beannachd mhòr a shaothair. Ach dh’ fhàs an anmhuinneachd. ’S a bhliadhna 1807 bhuail pairilis e, agus an dara uair bliadhna an déigh sin, a dh’ fhàg gun chomas idir e. Cheannaich cairdean tigh dha aig Hampstead far an deachaidh e ’s a bhliadhna 1810. Cha b’ fhad a chaomhnadh e ’n a chor iosal. Air an 10mh là a dh’ August, chaidh e stigh d’a fhois. A leughadair! Smuainich air a’ cheist so:—“Ma tha ni folaichte ’s am bith ’s an diadhachd, carson nach faighinnse eòlas air cho maith ri mo mhàthair? Iarraidh mi e nis Dhia.” Dh’ iarr—’us fhuair. Carson nach deanadh tusa mar an ceudna? Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh. gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME,40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 117] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1878. PEACAIDHEAN UAIGNEACH. [Dealbh] THA féin-fhìreantachd ag éiridh ann an ceum o uabhar, ach gu h-àraidh o aineolas air lagh Dhé. Is ann a chionn nach aithne do dhaoinibh ni air bith, no ro bheag mu lagh Dhé, a tha iad a’ meas gu h-amaideach gu bheil iad fìreanta. Nam b’ aithne dhoibh spioradalachd mhòr, agus ard-cheartas an lagha, bhitheadh beachdan eile aca. Bitheadh aithne aca aon uair air cho geur ’s a bhuineas an lagh ri ’n smuaintibh, cia mar a ghabhas e gnothuch ri gach gluasad inntinn a th’aig an duine, agus cha-n ’eil creutair ann an cruitheachd Dhé a ghabhadh air a mheas gu bheil e féin fìreanta an lorg cho naomh ’s a tha a dheanadais agus a smuaintean. Ach tha mi a nis ’dol a chomharrachadh daoine aig a bheil peacaidhean air am bheil iad féin fiosrach, ged nach aithne do dhaoinibh eile iad. Is tric a thionndaidh sinn clach ann an eaglais aideachail Dhé, agus is gorm, ùr, a bha July 1878. “Secret Sins.” [TD 118] [MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1878. TD 2] samhladh na diadhachd, mar am feur, a fàs timchioll oirre, ach b’ uamhas leinn, an uair a chunnaic sinn nach robh fodha ach gach gné bheathaichean snaigeach, a bha ’n an gràin leinn, agus leis an fhuath a bh’ againn do ’n cheilg a bh’ ann, ’s ann a ghlaodh sinn, “Is breugach gach duine air bith; cha-n ’eil ann ’s an urrainn sinn earbsa air bith a chur.” Cha-n ’eil so fior mu na h-uile neach; ach is leòr na tha sinn a’ faicinn de mhidhilseachd ar comh-chreutairean gu bhi ’g ar toirt gu dimeas a bhi againn air daoinibh, a chionn gur urrainn iad na h-uiread a ghabhail orra, agus iad a bhi gun treibhdhireas ann a dheanamh. Ribhse a ’s urrainn peacadh a dheanamh gu h-uaigneach agus aideachadh a dheanamh cuideachd; ribhse, dhaoine, a dhùineas na dorsan agus a ghniomhaicheas peacadh ann an uaigneas; ribhse labraidh mi. I. ’S a cheud àite, AMAIDEAS peacaidhean uaigneach. A chealgair, is maiseach thu ri amharc ort; do ghiùlan o ’n leth mach dìreach, gràdhach, fialaidh, caoimhneil, agus mar a bhuineadh do Chriosduidh; ach tha peacadh agad nach fhaca sùil duine fhathasd. Theagamh gur e misge uaigneach. Càinidh tu am misgear, ’n uair a chi thu e gun chomas nan cos air an t-sràid; ach is urrainn tu fhéin an ni ceudna a bhi agad gu h-uaigneach. Faodaidh e bhi gur e miann, no peacadh eile a th’ ann; cha-n ’eil ormsa ’bhi ’g a iomradh an so. Ach, a chealgair, tha sinn ag ràdh riut, is amadan thu, ’n uair a bheir thu àite do pheacadh uaigneach, agus is amadan thu a thaobh so, nach ’eil e ’n a pheacadh uaigneach; tha e aithnichte agus foillsichear aon là e; theagamh, ’an ùine aithghearr. Cha-n ’eil do pheacadh uaigneach; chunnaic sùil Dhé e; pheacaich thu ’n a fhianuis; dhùin thu an dorus, tharruing thu sgàile air an t-solus, dhruid thu sùil na gréine a mach, ach tha sùil Dhé ’faighinn slighe troimh dhorchadas. Cha-n fhaodar ni a cheiltinn air Dia. Tha an saoghal mar a tha an sgeap gloine ’s am faicear seilleanan corr uaire; chi sinn gach earrainn de ’n obair aca. Is ann mar sin a dh’ amhairceas Dia sios, agus a chi e na h-uile ni. Fhir-mionnan! Cha mhòr neach as an do ghabh thu sgàth a chuala do mhionnan; ach chuala Dia e. Oh! thusa tha ’caitheamh beatha neoghloine, agus gidheadh ’tha ’n ad mharsanta ainmeil aig an t-saoghal, air dheadh chliù aig daoinibh, tha d’ euceartan uile aithnichte, sgrìobhta ann an leabhar Dhé. Tha leabhar-cuimhne aige do ’d pheacaidhean uile; agus ciod i a’ bharail ’bhitheas agad ’s an là ud, ’n uair a leughas Dia aisde eachdraidh do chleachdaimh uaignich, agus a chluinneas daoine agus ainglean e? II. TRUAIGH nam peacaidhean uaigneach. De na h-uile peacach, is e am fear a ’s truaighe am fear a ni aideachadh air an diadhachd, agus gidheadh a tha ’caitheamh a bheatha ’s a’ pheacadh. An duine a tha follaiseach ’n a eucoir, a ghabhas a ghloine ’n a laimh agus a their “Tha mise ’n am mhisgear, agus cha-n ’eil nàire orm as,” bithidh e truagh thar innseadh ’s an t-siorruidheachd, ach tha beagan toilinntinn feolmhoir aige an so. An duine a mhalluicheas agus a mhionnaicheas, agus a their “Is e so mo chleachdadh, is fear anacainnt mi,” agus a dh’ aidicheas e, tha aige co dhiubh gnè thlachd air chor-eigin; ach an duine a choisicheas le seirbhiseach Dhé, a tha ann an daimh ri eaglais Dhé, a tha ’gluasad am fianuis pobuill Dhé, agus ann an comunn riu, ’s a tha rìs beò ’s a’ pheacadh, cia cho truagh ’s a tha a chor! Là de na th’ ann, tha fior nàdur an duine air a dheanamh follaiseach; tha e an sin gu seòlta air a chur gu sud fholach a rìs; ach an ath là tha rud eile a’ briseadh a mach, agus tha e mar sin fo eagal an còmhnuidh a cur breige ri bréig, chum coslas na fìrinn a chur air a’ bhreig mu dheireadh a rinn e, ’us a’ cur mealladh ri mealladh chum e fhéin a dhion. Is urrainn mi giùlan leis an duine a tha follaiseach ’s an [TD 119] [MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1878. TD 3] eucoir a th’ aig, agus nach ’eil ag aideachadh a’ chaochlaidh, ach am fear a dh’ aideachas, ’s a bhruidhneas, ’s a ghabhas air gu mòr, ’s a ni ùrnuidh, agus gidheadh a tha beò ’s a pheacadh cha-n ’eil giùlan agam leis. Bi air do chaithris roimh an aideachaidh a tha mar chéire nach giùlan teas na gréine; bi air do chaithris an aghaidh caitheamh-beatha a dh’ iarras da aghaidh a bhi air mu ’s urrainn da tighinn troimhe; an rud a bhitheas tu, bi ann. Ma ’s e do rùn seirbhis a dheanamh do Shatan na gabh ort bhi ’n ad sheirbhiseach aig Dia; agus mu ’s maith leat seirbhis a dheanamh do Dhia, dean le ’d uile chridhe e. Is cruaidh an ni do ’n duine beatha na ceilge, oir ’s e th’ ann aon neach a’ mealladh agus mòran ’g a fheitheamh; agus gun teagamh is ceaird thruagh i, a bheir leatha mu dheireadh, ’n uair a ruigeas i airde, briseadh ro mhaslach. III. Ach a nis, a rìs, CIONTA, CIONTA mòr a pheacaidh uaignich. Nis, Eoin, cha-n ’eil thu a’ meas gu bheil peacadh air bith ann an ni mar fhaicear le daoinibh e, am bheil? Is mòr am peacadh leat rud a ghoid o do mhaighistir ma ’s e ’us gum faighear aithne air—ach mur fhaighear—cha-n ’eil cron idir ann. Agus, thusa, a dhuine-uasail, tha thu a’ meas gur peacadh mòr duine a mhealladh ann an gnothuch marsantachd, ma gheibhear a mach e—ach mur fhaighear—cha-n eucoir a th’ ann; “na abair focal mu dheighinn, is e gnothuch ceannachd a bh’ ann; cha-n fhaodar buntuinn ri ’leithid sin; cuir nach fhaighear a mach, carson a gheibhteadh coire dhoibh?” Tha am peacadh aig mòran dìreach a réir ’us mar gheibh càch aithne air. Nis, is e mo bharailse gur e am peacadh uaigneach am peacadh a ’s miosa uile, a chionn gu bheil e a’ nochdadh gu bheil àicheadh air bith Dhé ann an cridhe an duine a chuireas ’an gniomh e. Their thu, ciamar. Tha a thaobh ged dh’ fhaodas e aideachadh a bhi aige, tha mise ag ràdh gu bheil e e ’n a fhear-àicheadh air bith Dhé ’n a chleachdadh, ma tha e ’deanamh aideachaidh bhreagha ’am fianuis dhaoine, agus a rìs a’ peacachadh ann an uaigneas. Bu mhaith leam na ’m b’ urrainn mi toirt air na h-uile duine amharc air fhéin, agus a pheacadh uaigneach fhiosrachadh. So, fhir-leughaidh, ciod e? Thoir chum an t-soluis e, theagamh gu-m bàsaich e an sin. Innis do ’d choguis ciod e. Amhairc air, aidich e am fianuis Dhé. Ach gabh aithne air so—gur cionta do chionta co dhiubh gheibhear a mach e no nach fhaigh, agus ma tha eadardhealachadh ann gur e am peacadh uaigneach a ’s miosa. IV. Faic rìs CUNNART a’ pheacaidh uaignich. Is e an cunnart a th’ ann nach urrainn duine peacadh beag a dheanamh ann an uaigneas gun e bhi ’briseadh a mach ann am peacadh follaiseach ’an ùine ghoirid. Cha-n urrainn thu crioch chur roimh ’n pheacadh, ged a shaoileas tu gur urrainn. Cho cinnteach ’s a chuireas tu aon chlach air an dùn an diugh, cuiridh tu te eile ann am maireach, gus an tig an dùn beag le cuid ’us cuid gu bhi ’n a charn mòr. Cha chuirear srian ’s a pheacadh chum a chasgadh. Their thu, “Gabhaidh mi beagan dibhe air uairibh, cha ghabh mi a’ mhisge ach ainmig. Cha-n fhaic neach air bith mi; theid mi a chodal air ball.” Is ann bhitheas a’ mhisg ort air na sràidibh a dh’ aithghearr. Their thu, “Cha-n ’eil mi ’dol a leughadh ach aon leabhar faoin; folaichidh mi e ma thig neach air bith stigh.” Bithidh e follaiseach agad fhathasd. Their thu, “Cha teid mi ’measg na cuideachd ud ach corr uaire.” Theid thu fhathasd ann na h-uile là, ’us gheibh i leithid a bhuaidh ort, nach urrainn thu fuireach as. Ris, feuchaidh tu ri do thogradh uaigneach fholach, ach cha-n urrainn thu; brisidh e mach ort. An duine a tha ’g a thoirt fhein gu h-uaigneach do ’n pheacadh, thig a bhathais le cuid ’us cuid gu bhi ’n a umha. A cheud uair a pheacaich e, sheas am follus air a ghruaidh r’ a chuimhneachadh air; au ath uair, cha robh am follus ann, cha crith beag; an [TD 120] [MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1878. TD 4] treas uair, bha sealladh an fhein-dhitidh air, ach gun chrith ’s am bith; an ath uair, bha am peacadh n’ a bu mhò, agus le cuid ’us cuid thàinig e gu bhi dàn an aghaidh Dhé. Theid daoine na ’s doimhne ’us na ’s doimhne ’s an eucoir. Ach tha àireamh de fhior Chriosduidhibh a tha ’cur peacaidh uaignich ’an gniomh. Their iad gur e peacadh beag a th’ ann, agus caomhnaidh iad e. Bitheamaid air ur faicill an aghaidh peacaidhean beaga. Bheir peacadh beag, mar chlach bheag anns a bhroig, air fear-turuis gun coisich e gle mhall do fhlaitheanas. Leigidh peacaidhean mòra stigh air an dorus. Cha-n fhaod sinn àite a thoirt do luchd-brathaidh; is e th’ ann ceannairc an aghaidh Righ nèimh. V. Agus a nis, tha mi ’dol a thagradh gu dichiollach ri cuid agaibh, a chaidh a bhioradh le Dia ann ’ur coguisibh. Thàinig mi gu guidheadh oirbh, ma dh’ fhaodas e bhi, eadhon le deuraibh, gun leig sibh ’ur peacaidhean uaigneach dhibh. Tha aon neach agam an so airson am bheil mi a’ moladh Dhé; ged nach aithne dhomh an duine, tha gràdh agam dha. Cha mhòr nach ’eil e air éigneachadh chum bhi ’n a Chriosduidh; tha e eadar da bharail; is e a rùn seirbhis a dheanamh do Dhia, tha e a’strì am peacadh a leigeadh dheth, ach tha e ’ga fhaotainn cruaidh, agus cha n ’eil fhios aig fhathast ciod e ’ni e. Tha mi a’ labhairt ris le gràdh mòr; a charaid, an lean thu ris a pheacadh agus thu ’dol a dh’ ifrinn leis, no an tréig thu e, chum thu ’dol a dh’ ifrinn leis, no an tréig thu e, chum thu ’dhol do fhlaitheanas? Is i so a’ cheisd. “Ma ’s e Dia a ’s Dia ann dean seirbhis da, ach ma ’s e Baal dean seirbhis dhasan.” Ach a nis, roghnaich dhuit fhéin gu cùramach, agus gun tugadh Dia cabhar dhuit chum a dheanamh! Na abair gun dean thu e gun an cosgus a chunntadh; cuimhnich gu bheil do mhiann r’ a chur uait, do thoilinntinn r’ a chlaoidheadh! An urrainn thu a dheanamh air sgàth Chriosd? A pheacaich, cha chaoidh thu gu bràth an roghainn ud, me ni Dia thu comasach air a dheanamh. Oh! ’n uair a thig am peacach an làthair Dhé mu dheireadh, an labhair e mar a ni e nis? Ni Dia follaiseach e mar a ni e nis? Ni Dia follaiseach a pheacadh uaigneach; cha-n abair am peacadh an sin, “A Thighearna, dh’ fhairich mi mo pheacadh uaigneach cho milis, nach b’ urrainn mi a thréigsinn.” Bithidh atharrachadh ann an sin, a réir mo bheachdsa. A pheacaich uaignich, ciod e thig dhiot an sin? Rach á so le aghaibh gun fholach, ceasnaich thu fein, lùb do ghlùn, guil, dean ùrnuidh. Gun tugadh Dia gràs dhuit chum creidsinn! A braithre, mu ’s sguir mi, their mi na focail do ’n d’ fhuair cuid coire—is e th’ann nis, pilleadh no milleadh. Gu dùrachdach, an lathair Dhé tha mi ’g a ràdh, mur e fìrinn Dhé e feumaidh mise freagairt air a shon aig an là mhòr. Oh, gum beanadh Dia ri ’r cridhe, agus gun tugadh e d ’a ionnsuidh fèin sibh! Oir is mòr an ni am bàs, is uamhasach an ni dìtheadh, is eagalach an ni bhi mach á Criosd, is ro oillteil an ni bhi marbh ’s a pheacadh. Gun tugadh Dia sibh gu na nithean sin fhaicinn mar a tha iad, agus gun tearnadh e sibh air sgàth a thròcair? Rev. C. H. Spurgeon. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan sp a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS. EDINBURGH. [TD 121] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1878. AN SGIORRADH AIG MEIN-GHUAIL “HAYDOCK.” [Dealbh] “O A thalamh, a thalamh, a thalamh! éisd ri focal an Tighearna.” (Ier. xxii. 29.) Cia gràdhach ’us cia fada ’s a tha Dia a’ guidheadh dhiinne bhi réidh ris, le tagradh foighidneach ’fhocail, agus le rabhaidhean uamhasach a fhreasdail! Tha na rabhaidhean ud ro lìonmhor o chionn ghoirid. Le call na luinge Eurydice, call na luinge-chogaidh Gearmailtich, an losgadh aig Blantyre, agus o chionn beagan sheachduinean, an sgiorradh uamhasach aig Haydock, bha na ceudan ann am priobadh na sùla air an cur gu bàs. Am bi na rabhaidhean ud gun toradh? Beagan an deigh aon uair deug air Dehaoine, an 7mh là de Iuin,bha losgadh eagallach ann am mèin aig Haydock, mu sheachd mìle o Wigan ann an Lancashire. Is e b’ ainm air a’ mhèinghuail na “Wood Pits” air do dhà mhèin a bhi ann fo ainmean Ravenshead agus Florida. Tha am “Florida” mu 700 troidh a dhoimhne, agus tha slighe August 1878. “The Haydock Colliery Calamity.” [TD 122] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1878. TD 2] air a cladhachadh eadar i agus a’ mhèin eile. Fhuaireadh air an là ud 251 dhaoine agus ghillean anns a’ mhèin. Beagan an deigh aon uair deug thainig Mr. Eoin Turton, a bha ’n a fhear-riaghlaidh air a mhèin, suas air dha sùil a thoirt air an obair. Bha e ’coiseachd air falbh asdar beag o bheul na mèine, ’n uair a “chrith an talamh fad mìle mu ’n cuairt, mar gu-m bitheadh crith-thalmhainn ann.” Dh’ innis an duslach ’us an ceò a dh’ éirich o bheul na mèine ciod a thachair. Chuir Mr. Turton air ball daoine a dh’ iarraidh cabhair, agus an ceann chùig mionaidean, aig cunnart a bheatha, bha e rìs sios anns a’ mhèin. A’ gabhail air adhart mar a dh’ fhaodadh e a dheanamh air feadh na h-oibre, fhuair e cuid de na daoinibh leth-thachda ’n an luidhe air an aghaidhean. Thionndaidh e iad sin air an druim airson anail fhaighinn, agus chuidich e feadhain eile a dh’ ionnsuidh na h-àilidh. Shaor e iomadh beatha mar sud. Thainig daoine eile nis ’g a chuideachadh agus shir iad air an adhart. Bu duilich agus bu mhuladach an obair. Bha mullach na mèine air tuiteam an iomadh àite, a tachdadh na slighe agus, bha closaichean each, agus soithichean mòra ’n an clàran ’n an luidhe timchioll. Nis rainig iad dùn de na mairbh. Bha aon chorp air a dheanamh ’n a mhìrean, bha cuid diubh gun cheann, agus àireamh mhòr air an lotadh ’us air an reubadh gu goirt. Bha a’ mhòr chuid aca ’n am meall gun dealbh. Bha a h-aon diubh lomnochd air do ’eudach bhi air a losgadh dheth. Bha cuid eile dhiubh air an losgadh ’us air am fàgail dubh leis an lasairh. Chuireadh na cuirp le ticead orra air aon taobh an rathaid mar a fhuaireadh iad. O sin thugadh iad gu “sùil na mèine,” agus o sin gu uachdar na talmhainn. Là an déigh latha, lean iad air na cuirp ’iarraidh agus bu bhrònach an obair i. Gus an àm so fhuaireadh mu cheud diubh agus tha daoine a’ meas gu bheil mu cheud eile ’s a mhèin. Is e th’ ann am mòran de na cuirp a fhuaireadh, cuirp dhaoine òga ’n an làn neart. B’ e aon dhiubh Tearlach Mac Glinne gille mu shé bliadhna deug a dh’ aois. Cha b’ urrainn ’athair a bha fada dall aithneachadh, ach air bròg a bh’ air agus mìre leathrach an crochadh rithe a chuir an seann duine oirre beagan ùine roimhe sud. Ann an aon teaghlach bha an duine, dithis mhac, da chliamhuinn, agus brathar athar air am marbhadh, agus tha tri de na cuirp nach d’ fhuaireadh fhathast. Dhiubhsan a theàrnadh beò, ach a bha ann an cunnart bàis leis a cheò-mùchaidh, bha cuid air an saoradh le Mr. Turton. Tha neach dhiubh ag ràdh, an déigh an losgaidh gu-n robh esan a’ smògran fad leth-uaire agus gu-n d’ rainig e air beul na mèine an uair a thuit e sios air an làr. Dà mhionaid eile agus bu duine marbh e a réir a bheachd fhéin. Tha gualadair eile ann a shaoradh, air am bheil Edward Edwards, ag ràdh an uair a loisg a mhèin gu-n robh esan mar bu ghnàth leis ag iarraidh beannachd air a bhiadh. Thubhairt e riusan a bha dlù dha, “A ghillean, is e th’ ann an so losgadh!” Thug iad an sin uile oidheirp air a’ bheul a ruighinn troimh n’ cheò-mùchaidh. Air an rathad fhuair iad duine ’n a luidhe, a tharruing iad leò, agus theàrnadh beò e. A faotainn air adhart mar so, eadar dòchas ’us eudochas, tha an duine so ag innseadh gu-n robh iad ag ùrnuidh fad na slighe airson cabhar o Dhia. “Cha chuala mi riamh,” ars’ esan, “a leithid a dh’ athchuingean.” Bha aon neach ann a thearuinn gu h-iongantach. Dh’ aithnich Mrs. Redford àraidh corp marbh gille bha an sin mar chorp a mic, Eoin Redford. Bha a fear ’us a mac ’bu shine anns a’ mhèin aig àm an losgaidh, ach fhuaireadh a mach beò iad. Chaidh fear eile de na mic ’s a’ chliabh air a’ mhaduinn sin gu dol sios, ’n uair a chuimhnich e gu-n d’ fhàg e a shoitheach tì as a dhéigh, agus thill e ’g a iarraidh. Air dha pilltinn, cha do leigeadh leis dol sios, agus theàruinn e. [TD 123] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1878. TD 3] Bha an ceò-guail ’n a aobhar mar a b’ àbhaist air an sgiorradh goirt so, ach a thaobh mar a bheothaicheadh e cha-n ’eil fios cinnteach. Tha fear de na daoine a mhair beò ag ràdh nach robh fùdar air a chleachdadh ’s a mhèin far an do loisg an ceò, agus nach fhaic esan ciamar a b’ urrainn a h-aon de na “lochranaibh-sàbhailt” a bhi fosgailte. Is e a bharail uime sin gur ann troimh sgoltadh beag ann an comhdach aon de na lochranaibh a rainig teine air a cheò. Anns a’ “sgrios obann” so tha daoine a’ meas gu-n robh dà cheud dhaoine air am milleadh de ’n robh 93 ’n an daoine pòsda. Tha comhfhulangas mòr le bantraichean agus cloinn nan daoine ud, agus tha airgiod ’g a thional dhoibh. Tha aon chridhe ’s an rioghachd a tha a ghnàth an comhfhulangas ri ’n leithid. Is e sin cridhe na Banrigh gràdhaichte againn. O chionn àireimh bhliadhnachan chuir i fios mar so, aig a leithid a dh’ àm, “Gu-n robh comhfhulangas mòr aice le bantraichean agus mathraichean bochda, agus gu-n d’ fhoghluim i o na dh’ fhuiling i fhéin an tuilleadh truais ’bhi aice riusan,” a’ tairgseadh cuideachaidh dhoibh aig an àm cheudna. An uair a chuala i mu Haydock, chuir i fios air an doigh cheudua. Is maith a dh’ fhaodadh an caoimhneas ud àite blàth a thoirt dìth ann an cridheachan a pobuill, cha-n ann a mhain mar Bhanrigh ach mar bhean agus bhantrach, a dh’fhoghluim am meadhon a bròin féin, “a bhi ’deanamh bròin maille riusan a tha ri bròin.” Dhiubhsan a mharbhadh bha mòran a bhàsaich aig àm an losgaidh. Ach bha mòran mar an ceudna a dh’ fhan beò tacan truagh gus an do mhilleadh iad leis a “cheò-muchaidh” uamhasach, a bha fhios aca a bheireadh leis am bàs. Ach cha robh an sin ach bàs.a’ chuirp, a tha ’feitheamh air an uile bheò. Nach gabh sinne beachd air slochd na ’s eagallaiche—an slochd mu ’n d’ thubhairt an Salmadair, “Na druideadh an slochd a bheul orm,” (Salm lxix. 15;) agus mu ’n do sheinn e, “Agus thug e nios a slochd uamhainn mi.” (Salm xl. 2.) Is e sin slochd a’ pheacaidh. Is e an staid anns am bheil sinn air ar breith, agus anns an teid sinn na ’s doimhue o là gu là, ma tha sinn mach á Criosd. Tha sinn fada sios ann an cionta.—Tha sinn “a thaobh naduir ’n ar clann feirge eadhon mar chàch.” (Eph. ii. 3.) “Oir a mheud ’s a tha de oibribh an lagha, tha iad fo mhallachadh: oir tha e sgriobhta, Is malluichte gach neach nach buanaich anns na h-uile nithibh a tha sgriobhta ann an leabhar an lagha chum an deanamh.” (Gal. iii. 10.) “An ti nach ’eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, cha-n fhaic e beatha; ach tha fearg Dhé a’ gabhail còmhnuidh air.” An lorg peacaidh, tha “fearg Dhé ’tighinn air clann na h-easùmhlachd.” (Col. iii. 6.) “Is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs,” (Rom. vi. 23,)—cha-n e mhàin bàs a’ chuirp ach bàs an anama: peanas “le lèirsgrios siorruidh o làthaireachd an Tighearna, agus o ghlòir a chumhachd.” (2 Tes. i. 9.) Agus tha sinn fad sios an truaillidheachd.—“Tha an inntinn fheòlmhor ’n a naimhdeas an aghaidh Dhé.” (Rom. viii. 7.) Tha ar cridheachan “làn-shuidhichte air olc a dheanamh.” (Eccl. viii. 11.) “An ni sin a tha air a bhreith o ’n fheoil, is feoil e.” (Eoin iii. 6.) Tha e cho nadurrach do dhuine gun ghràs peacachadh ’s a tha e do ’n chlach tuiteam sios. Tha freumh an uile uilc ’n a’ chridhe. Tha Dia ag innseadh dhuinn gu bheil e “do-leigheas.” (Ier. xvii. 9.) Agus gleidhidh na freumhan sin neart, gus am bi cleachdadh a’ pheacaidh, agus gu h-àraidh peacadh a bhì beò gun Dia ’s an t-saoghal, air tighinn gu leithid a chumhachd a bhi aige air, nach ’eil na ’s mò a chomas aige air e fhéin thoirt as na bh’ aig na daoinibh anns a’ mhèin air iad fhéin a theàrnadh o’n bhàs. O ’n doimhne so de thruaillidheachd is éigin gu-n saorar an duine ma tha e gu bhi air a theàrnadh. “Mur beirear duine rìs, cha-n fhaod e rioghachd Dhé fhaicinn.” (Eoin iii. 3.) [TD 124] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1878. TD 4] As an t-slochd so is urrainn Criosd, agus Criosd a mhàin ar teàrnadh. Saoraidh esan o chionta. Choimhlion e an lagh airson a’ pheacaich agus ghiùlain e a’ mhallachd a chum sios e mar phriosanach a réir lagha. “Rinneadh e ’n a pheacadh air ar sonne do nach b’ aithne peacadh, chum ’us gu-m bitheadh sinne ’n ar fìreantachd Dhé annsan.” (2 Cor. v. 21.) Saoraidh e o thruaillidheachd. Troimh-san thig an Spiorad Naomh a nuas, ag atharrachadh a’ chridhe, agus ag athnuadhachadh an duine gu h-iomlan a réir iomhaidh Dhé; air achd agus, “ma tha duine air bith an Criosd gur creutair nuadh e.” A cho-pheacaich! Tha Iosa cha-n e mhàin comasach ach a’ feitheamh ri do theàrnadh. Tha e ag ràdh “Seall riumsa.” Tha e a’ sìneadh mach a làimh; tha e a’ leigeadh sios a chorda gràidh chum gu-n dean thusa greim orra, agus gu-m bi thusa air do thogail suas; is e sin a gheallaidhean milis, ’leithid ’us “Glanaidh fuil Iosa Criosd o na h-uile peacadh;” “Thigibh do’ m ionnsuidh agus bheir mise suaimhneas dhuibh.” A leughadair, am bheil thu fhathast ann ad pheacaidhean? Am bheil thu ’s an t-slochd mu ’n do labhair sinn? Ma tha na nithean sin fìor, agus ma leanas tu mar a tha thu ciamar théid thu as? Faodaidh tu aideachadh follaiseach a bhi agad; faodaidh tu cinneachadh ’s a bhi fo mheas ’s an t-saoghal; faodaidh tu bhi onorach, dichiollach, firinneach, agus stuaim agus caoimhneil. Ciod e sin, ma tha thu fhathast ’s an t-slochd? O a bhràthar, a phiuthair, smuainich ort fhéin! Is truagh a bhi ’s an t-slochd, ach is e a ’s truaighe bhi ’n ad chodal ’s an t-slochd,—gun smuain, gun chùram mu thruaighe no cunnart. A leughadair, thoir an aire do na their sinn a nis. Cha d’ iarr na daoine bochda bha ’s a’ mhèin aon oidheirp chum bàsachadh. Theagamh gu-n robh iad ag obair: no a’ codal; no gu-n robh iad mear; faodaidh bhi doilich. Cha tug iad oidheirp; dìreach mar a bha iad, thàinig an lasair loisgeach, agus mhilleadh iad. Is ann mar sin tha e leatsa. Ma tha thu ann an slochd a’ pheacaidh cha ruig thu leas spairn a dheanamh chum dol a dhìth. Feumaidh tu bhi air d’ atharrachadh chum bhi air do theàrnadh, ACH CHA-N IARR THU ATHARRACHADH CHUM DOL A DHITH. Cha-n ’eil uait ach.leantuinn air adhart le ’d dhiomhanas, do chodal, do bhruadaran, gus an tig am Bàs, mar a dh’ fhaodas e uair ’s am bith; agus an sin, dìreach mar a tha thu, druididh an slochd, mu-n d’ fhuair thu aon rabhadh caoimhneil eile, stigh ’n a chum thu gu bràth. Oh, gu-n robh sibh glic,—gu-n tuigeadh sibh so. A leughadair, a shaoradh as an t-slochd, smuainich orrasan a tha ionmhuinn leat a tha ann fhathast. Ciod e a shaoileadh daoine de mhnathan agus cloinn nam meinearan bochd ’ud, ’n an robh iad mear agus neochùramach, ’n uair a bha iad fhathast gun fhios co dhiubh bha an cairdean beò no marbh? Agus an urrainn thusa, a Chriosduidh, a bhi gun smuain no cùram, ma tha athair, no màthair, no fear-pòsda, no bean, no mac, no nighean, no caraid ionmhuinn, fhathast domhainn sios ann an slochd a’ pheacaidh? Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 125] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1878. CIOD E RIS? [Dealbh] “An éigin domh dealachadh riu sin uile?” Faic taobh-duill. 3. O CHEANN iomadh bliadhna, chuir duine òg comhairle ri seana Chriosduidh a thaobh mar a chaitheadh e a là. “Tha mi ’cur romham,” ars’ an t-òganach, “a bhi ’n am fhear-lagha, agus mi féin ullachadh le ruighinn air làn fhoghlum ’s an lagh,” “Agus ciod e rìs?” ars’ an caraid. “Tha mi ’cur romham éiridh àrd anns a’ ghairm, agus tighinn gu bhi ainmeil innte, ma ’s urrainn mi.” “Agus ciod e ris?” ars’ a charaid fhathast. “Tha mi ’cur romham pòsadh, agus mo là a chaitheamh ann am meadhon mo theaghlaich gu sona.” “Agus ciod e rìs?” ars’ a charaid. “Tha mi ’cur romham àite maith fhaighinn an coimhcheangal ris an lagh a phaigheas mi airson mo shaothar, agus cliù a chosnadh a theid sios a dh’ ionnsuidh nan ginealach a tha gu tighinn.” “Agus ciod e rìs?” ars’ a charaid aon uair eile. “Tha mi ’cur romham an uair a thig an aois mo shaothair September 1878. “What Then” [TD 126] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1878. TD 2] a leigeadh dhiom, agus sìth agus suaimhneas a mhealltuinn ann an deireadh mo latha.” “Agus ciod e rìs?” ars’ a charaid fhathast. “Gun teagamh is éigin domh bàsachadh mu dheireadh.” “Agus ciod e rìs?” ars’ a charaid. Stad e, a’ meadhrachadh ’n uair a chual’ e a’ cheist. Thug e freagradh dhi roimhe gun agadh no moille. A nis cha robh e cho furasda freagradh ’thoirt di. Dh’ éirich a’ chrioch mhòr air taobh thall na h-uaighe air nach do smuainich e riamh, le ’uile chudthrom, am fianuis inntinn an duine oige—là mòr a’ bhreitheanais—flaitheanas siorruidh,—ifrionn shiorruidh—na fireana a’ sior ’dol na ’s beannaichte gach là, agus na h-aingidh ’dol na ’s truaighe. Chunnaic e an ni nach fhac e riamh roimhe, gu bheil “Ciod e rìs?” ann, a tha ’dol thar na h-uile ni aimsireil ann an cudthrom, agus nach fhaod a bhi air a dhearmad air sgàth nithe faicsinneach, falamh, a dh’ fhaodas aire an amadain thruaighe a ghlacadh. Chunnaic e gu-n robh e ’cur roimhe beatha thruagh a chaitheamh, eadhon ged a ruigeadh e air sin uile a bha e a’ miannachadh, oir tha robh ni aig ’s an amharc air am faodadh anam neobhàsmhor beachdachadh le tlachd—beatha do ’m bu chrioch bàs siorruidh; agus rùnaich e air an uair a bheatha a chaitheamh air dhoigh eile, agus crioch na ’s airde a chur roimhe—a bhi beò airson Dhia agus ghloire—firinn Dhé a ghabhail, agus soisgeul Chriosd a chreidsinn—a bhi ’n a Chriosduidh, cha-n ann an ainm a mhàin, ach ann am firinn. Bha an “Ciod e rìs?” a chathaicheadh air le ’leithid a dhùrachd le a charaid dìleas, air a dheanamh ’n a mheadhon air a tharruing a dh’ ionnsuidh Chriosd, agus a dheanamh comasach air dealachadh ri toilinntinn agus truaillidheachd an t-saoghail trid eòlas air an Tighearn’ Iosa. Nach ’eil mòran ann, gu h-àraidh am measg na h-òige, a tha a’ rùnachadh dhoibh féin, mar a rinn an duine òg so, gu-m bi iad sona o so a mach?—ach ’s an t-saoghal a mhàin; nach smuainich gur i a’ chrioch an uaigh; nach smuainich air a’ bhròn an taobh thall de ’n uaigh gus an treòraich e, agus air an do labhradh a thaobh an duine shaoibhir anns a’ chosamhlachd a chleachd Criosd, gu-n do “thog e suas a shùilean, air dha bhi ann am piantaibh?” Tha iad a’ cur romha féin am beatha a chaitheamh gun sùil a thoirt air an crich dheireannaich, aig nach ’eil spéis do chor an anama neobhàsmhoir, nach aidich Dia, ’us nach iarr a thoileachadh. Tha agad an so duine òg làn de bhruadaraibh na h-òige, a’ sealltuinn airson onoir agus cliù, socair agus sonais. Is iomadh sealladh aoibhinn a th’ aige. Is e an saoghal a mhàin a chuibhrionn. Is coma leis na h-uile ni ach e. Chum ruighinn air, reicidh e ’anam. A dhuine oige, “Ciod e rìs?” Tha agad an so boirionnach òg, ’n a cuspar gràidh an tigh a h-athar, a ’dol nis am measg an t-saoghail agus a toiseachadh air buaidh an t-saoghail air a cridhe gun eòlas a thuigsinn. Faodaidh cridhe blàth bhi aice, ged a tha i eutrom, diomhan. Ach tha gràdh aice do fhasan agus do thoilinntinn an t-saoghail, agus cha-n ’eil uaithe ach an sonas truagh a bheir e seachad. Mu shaoghal eile cha-n aithne dhi. A nighean oige, “Ciod e rìs?” Tha agad an so duine a’ toiseachadh air gnothuichibh na beatha tha làthair, agus, mar a tha, làn de ’n cùram. A bhi fo mheas ’s an t-saoghal; a bhi saoibhir; e fhéin a shuidheachadh ’s an t-saoghal air dhoigh agus gu-m bi socair aig an deigh so, is e sin a tha uaithe, agus is ann air a thòir a tha e, gun mheas air ni na ’s airde agus na ’s mò. A dhuine ri reic ’us ceannach, “Ciod e rìs?” Tha agad an so duine nach ’eil a’ togradh nithe mòra, ach is e an saoghal a mhàin tha uaithe. Cha-n ’eil ni uaithe ach gu-m faigheadh e na dh’ fhoghnadh do ’uireasbhuidh agus uireasbhuidh a theaghlaich, de chuid an t-saoghail. Cha-n ’eil e ag [TD 127] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1878. TD 3] iarraidh ni na ’s mò, agus cha-n ’eil a mhian ag éiridh na ’s airde, na gu-m faigheadh e biadh ’us eudach, agus nithe eile na beatha so. A dhuine shocraich an t-saoghail, “Ciod e rìs?” Tha agad an so spiocair a’ gràdhachadh a chuid òir, s a’ deanamh iodhoil dheth. Tha e ’g a charnadh suas; cuiridh e mach e; is e a mhiann a chur am meud. Tha ’inntinn làn de dh’ aon ni, a bhi ’cruinneachadh oir ’us airgid, gun chuimhne air gu bheil saoibhreas an t-saoghail neo-chinnteach, agus gun sgriosar e fadheoidh. Fhir an airgid, “Ciod e rìs?” Tha agad an so duine ag iarraidh toilinntinn an t-saoghail, a’ leantuinn cleachdaidhean ’us cluiche gun mhaith. Ni e gàire ris na h-uile ni cudthromach, agus caithidh e a là ’n a dhuine faoin. Is e is aon chrioch dha a bhi faotainn air a shon fhéin na h-uile toilinntinn, cia b ’e cho aingidh, salach, truaillidh ’s a tha iad, a ’s urrainn am peacadh a thoirt da. Fhir-iarraidh thoilinntinne feòlmhora, “Ciod e rìs?” Tha agad an so foghlumaiche eudmhor, ag iarraidh le dùrachd solus d ’a inntinn. Is mòr a shaothair chum eòlas fhaighinn, ach is e eòlas air nithibh an t-saoghail a mhàin tha uaithe. Cha-n ’eil meas aige air eòlas spioradail. Fhoghlumaiche, “Ciod e rìs?” Tha agad an so fear le dealbh na diadhachd, a’ giùlan coslais o’ n leth mach, agus a’ deanamh aideachadh fiùghail na ’s leòr air Criosd. Fhad ’s a tha ainm aige a bhi beò tha e marbh de rìreadh, gun aithne aige air beatha agus cumhachd na diadhachd ’n a chridhe, a’ tarruing a chridhe gu Dia, agus e gun iarraidh aige air aithne bhi aige air. Fhir-aideachaidh mhodhail, “Ciod e rìs?” Tha agad an so duine gun chùram, a’ leantuinn a shlighe aindiadhaidh. Cha-n ’eil e ’coimhead Sàbaid; cha teid e stigh air dorus eaglais; cha-n fhuiling e smuain mu ’anam. Is i a bharail gu-n dean e an gnothuch gun Chriosd idir, agus cha-n ’eil e ag iarraidh eòlas air. A dhuine gun chùram, “Ciod e rìs?” Dhoibhsan uile, cia b’ e iad, a tha ’dearmad criche mòire am bith, agus a’ diochuimhneachadh am maith shiorruidh, agus a’ teicheadh le neochùram o Shlanuidhear mòr an t-Soisgeil, faodaidh sinn a ràdh, “Ciod e rìs?” Nan ruigeadh tu air sin uile a tha air d’ aire, saoil thu am bitheadh tu sona? Nam bitheadh tu tre mhealladh araidh air do thoirt gu bhi ’meas gu bheil thu sona, am bitheadh tu sabhailt? ’An uair a thig tinneas agus bàs, ciamar a bhitheadh tu? Ciamar a b’ urrainn thu, gun dòchas, gun Slanuidhear, freagradh air do shon féin aig caithir a bhreitheanais? Ciod an t-uamhunn a thainig air iomadh duine neochùramach, a thainig mu dheireadh gu bhi ’faicinn gu-n robh e air bruaich na doruinn siorruidh, agus nach robh rathad ann chum dol as! Is minig bha an fhéin-dhìteadh aca sud air a measgadh leis an amhghar a ’s goirt, agus leis an eudòchas a ’s mò. An uair a thugadh air falbh o Chardinal Uolseidh, caraid Righ Eanraic an ochdamh, a dhreuchdan ard’ uile, agus a bha e air a thilgeadh sios o ’n airde mhòr gus an do streap e suas, thubhairt e mar a thug an righ ’fhabhar uaithe, “Nan robh mi cho dileas do ’m Dhia ’s a bha mi do ’m righ, cha thréigeadh e mar so mi ’n am shean aois.” An uair a dh’ innseadh do’ n Chardinal Masarin nach robh ach beagan seachduinean roimhe air an talamh, ghlaodh e, mar a dh’ amhairc e air na dealbhan breagha a bha timchioll air, “An éigin domh dealachadh rin so uile? Oh! is éigin domh dealachadh riu uile.” Agus an uair a thainig am bàs dlù, dh’ eigh e gu goirt, “Oh m’ anam bhochd, ciod e a thig dhiot? C’ àite an teid thu?” Cia cho truagh ’s a tha e daoine an t-saoghail ’fhaicinn, ’s na h-ionadaibh a ’s airde air an talamh, air an glacadh gu h-obann, air an t-slighe, agus air an gairm air ball o onoir agus urram an so chum sgrios iomlan ann an [TD 128] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1878. TD 4] ifrinn! agus cia truagh ’s a tha e ’leithid a dhaoine fhaicinn an deigh dhoibh an là a chaitheamh am measg saothar moir, a’ call an comais troimh shean aois, agus an sin a’ bàsachadh. “Ged a ni peacach olc ceud uair, agus gu-n sìnear a laithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gu-n éirich gu maith dhoibhsan air am bi eagal Dhé, air am bi eagal ’n a làthair. Ach cha-n éirich gu maith do ’n aingidh, cha mhò a shìneas e a laithean: mar sgàile bithidh esan air nach ’eil eagal an làthair Dhé.” (Ecl. viii. 12, 13.) Faodaidh na “daoine an t-saoghail” ud aig am bheil “an cuibhrionn anns a’ bheatha so,” agus an aon chuibhrionn, ’dol á so mar a chaidh an seann duine faoin ’n uair a dh’ innseadh dha le caraid ’us e ri uchd bàis, gu-m bitheadh ’anam air agradh dheth, a thubhairt, le fiamh gàire, gu-n robh e ’toirt oidhirp dhiomhain air a bhi ’toirt airsan sud a chreidsinn; no mar an sean duine eile a fhuair e féin a’ bàsachadh, agus a chaidh a sheòladh a dh’ ionnsuidh an Fhir-shaoraidh a bha comasach agus deònach gabhail ris mar pheacach, a ghlaodh mar a chunnaic e meud agus luach na siorruidheachd a’ briseadh a stigh air, “Tha e ro fhadalach a nis.” Bha a’ chrioch uamhasach aig an dithis. “Cuirear lòchran nan aingidh as.” “Fuadaichear an t-aingidh ’n a aingidheachd.” A leughadair! Am bheil thu ’cur uait na h-uile smuain mu d’anam gus an tuit thu sios dh’ ionnsuidh truaigh bhithbhuain? “Eirich, gairm air do Dhia.” Tha ’chluas a ghnàth fosgailte. Tha slighe na tròcair a dh’ fhosgail e réidh. Tha buaidh fhathast air fuil Iosa Criosd a Mhic. Dean cabhaig a dh’ ionnsuidh Chriosd. Cha-n ’eil e ro fhadalach fhathast chum a bhi ’gabhail aithreachais agus a’ creidsinn an t-soisgeil, agus dol a steach air slighe na beatha. Ach faodadh a bhi mar sin an ùine ghoirid. Ma ni thu dàil na ’s fhaide, ma ni thu anacaitheamh air ùine, ma ni thu, air sgàth ni no neach air bith, dearmad air slainte d’ anama, thoir an aire nach bi e air a ràdh le firinn mu do dhéighinn, “A chionn gu-n do ghairm mi agus gu-n do dhiult sibhse, gu-n do shìn mi mach mo lamh, agus nach d’thug duine ’s am bith an aire; ach gu-n do chuir sibh an neo-bhrìgh m’ uile chomhairle, agus nach b’àill leibh a bheag de ’m achmhasan; ni mise, mar an ceudna gàire ri ’r sgrios-sa: ni mi fanoid an uair a thig ’ur n-eagal; an uair a thig ’ur n-eagal mar fhàsachadh, agus a thig ’ur leirsgrios oirbh mar ioma-ghaoith; ’n uair a thig teinn agus cràdh cridhe oirbh. An sin gairmidh iad ormsa, ach che freagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach cha-n fhaigh iad mi.” (Gnàth. i. 24-29.) A leughadair, “C’uime a bhàsaicheadh tu?” Am bheil do choguis a’ comharrachadh aon idir diubhsan air an do labhair mi, ag ràdh gu bheil thusa de’ n àireamh? CIOD E RIS? Ma tha do thuigse air cosnadh, agus do choguis fo dhearbhadh, ciod a tha thu a ’cur romhad a dheanamh? Feuch Uan Dhé. “An diugh ma dh’ éisdeas sibh r ’a ghuth, na cruadhaichibh ’ur cridhe.” Agus is e ghuth ribh, “THIGIBH DO ’M IONNSUIDH.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY.JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 129] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1878. COMHARRAIDHEAN AN SPIORAID. [Dealbh] A LEUGHADAIR,—Cha teid duine air bith do neamh an uair a bhàsaicheas e, mar bi an Spiorad Naomh aige ’n a chridhe fhad ’s a tha e beò. Chum bhi ’n a Chriosduidh is éigin do dhuine bhi air a bhreith o ’n Spiorad, agus an Spiorad a bhi aige. Ach ciamar a bhitheas fhios aig duine gu bheil an Spiorad Naomh a’ chòmhnuidh ’n a chridhe? Ciod iad na comharraidhean air an aithnichear a làthaireachd? Is i so a’ phuinng a tha ri chnuasachadh. Gheibhear na comharraidhean ud o ’n Bhiobull. A leughadair, amhairc orra gu geur. 1. Iadsan uile aig am bheil an Spiorad, tha iad air am beothachadh leis, agus tha iad air an deanamh beò gu spioradail. Tha e air ainmeachadh ’s a’ Sgriobtuir mar “Spiorad na beatha.” (Rom. viii. 3.) “Is e an Spiorad,” arsa Criosd “a bheothaicheas.” (Eoin vi. 63.) Tha sinn uile a thaobh nàduir marbh ann am peacaidhibh ’us ann an October 1878. “Marks of the Spirit.” [TD 130] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1878. TD 2] euceartaibh. Cha-n ’eil spéis againn do ’n diadhachd. Cha-n ’eil creidimh, no dòchas, no eagal, no gràdh againn. Tha ar cridheachan gun fhaireachadh air bith. Tha an Sgriobtuir ’g an coimeas ri cloich. Tha atharrachadh air so uile an uair a thig a Spiorad a dh’ ionnsuidh a’ chridhe. Tha e ’g ar saoradh o staid bàis agus ’g ar deanamh ’n ar creutairibh nuadh. Tha e ’toirt duinn cridhe nuadh. Bheir e oirnn an seann duine a chur dhinn,agus an duine nuadh a chur umainn. Bu neochoslach nighean Iairuis ’n a luidhe fuar air a leabaidh am measg chàirdean brònach, agus nighean Iairuis air éiridh agus i a’ labhairt r ’a màthair mar a b’ àbhaist! Is neochoslach, mar an ceudna, an duine anns am bheil an Spiorad a chòmhnuidh ris an duine sin mu ’n d’ thainig an Spiorad air. A leughadair, an urrainn esan aig am bheil a chridhe làn de ’n uile ni ach Dia,—cruaidh, fuar, gun fhaireachadh,—a bhi ’n a dhuine aig am bheil an Spiorad? Thoirbreth air do shon fhéin. 2. Tha iadsan aig am bheil an Spiorad air an teagasg leis. Tha “Spiorad a’ ghliocais agus an fhoillseachaidh” ’n a ainm air anns an Sgriobtuir. (Eph. i. 17.) B ’e gealladh an Tighearn’ Iosa, “Teagaisgidh e dhuibh na h-uile ni, Treòraichidh e sibh a dh’ ionnsuidh gach uile fhìrinn.” (Eoin xiv. 26, xvi. 13.) Tha sinn uile a thaobh nàduir aineolach air fìrinn spioradail. “Cha ghabh an duine nadurra ri nithibh Spioraid Dhé. Tha iad ’n an amaideas leis.” (1 Cor. ii. 14.) Tha ar sùilean air an dalladh. Cha-n aithne dhuinn Dia no Criosd, no sinn féin, no an saoghal, no am peacadh, no neamh, no ifrionn, mar bu chòir. Chi sinn na h-uile ni fo dhreach a mheallas.—Tha an Spiorad ag atharrachadh sud uile. Tha e a’ fosgladh sùilean ar tuigse. Tha e ’g ar gairm á dorchadas a dh’ ionnsuidh a sholuis iongantaich féin. Cha-n iongantach ged a bhitheadh na fìor Chriosduidhean uile de ’n aon bheachd mu nithibh mòr’ na diadhachd. Is e is aobhar dha so gu-n d’ fhoghluim iad uile anns an aon sgoil—sgoil an Spioraid Naoimh. A leughadair, an urrainn esan a tha aineolach air fìrinnibh mòr’ an t-soisgeil, agus dall a thaobh a chor fhéin,—an urrainn esan an Spiorad a bhi aige? Thoir breth air do shon fhéin. 3. Tha iadsan aig am bheil an Spiorad air an treòrachadh leis na Sgriobtuiribh. Is e so an inneal leis am bheil e gu sònraichte ag oibreachadh air an anam. Is e am Focal, “claidheamh an Spioraid.” Tha an Sgriobtuir uile air a sgriobhadh fo a dheachdadh. Cha-n ’eil e’ teagasg aon ni nach ’eil air a sgriobhadh an sin. Bheir e air an duine anns an gabh e còmhnuidh gu-n dean e aoibhneas ann an lagh an Tighearna. Dìreach mar a dh’ iarras an naoidhean am bainne a dh’ ullaich freasdal air a shon, agus a dhiùltas e gach biadh eile, is ann mar sin a tha an t-anam aig am bheil an Spiorad ag iarraidh bainne fhior-ghloin an Fhocail. A leughadair, an urrainn esan nach leugh am Biobull idir no a tha’g a leughadh a mhàin mar chleachdadh o ’n leth muigh,—an urrainn esan an Spiorad a bhi aige? Thoir breth air do shon fhéin. 4. Iadsan uile aig am bheil an Spiorad, tha e a’ dearbhadh peacaidh orra. “An uair a thig esan, bheir e dearbh-shoillearachd do ’n t-saoghal mu pheacadh.” (Eoin xvi, 8.) Is esan a mhàin a ’s urrainn sùilean dhuine fhosgladh gu bhi ’faicinn fìor mheud a chionta agus a thruaillidheachd, am fianuis Dhé. Ni e so a ghnàth an uair a thig e stigh do ’n anam. Tha e a’ leagadh sios na beachdan ardanach, féin - fhìreanta, féin-fhìreanachaidh, a rugadh leinn, agus a’ toirt oirnne a bhi ’faireachadh mar bu choir dhuinn,—“Is droch dhuine mi, is e mo chòir bhi ann an ifrionn.” Faodaidh ministearan eagal chur oirnn car ùine. Faodaidh trìoblaid leaghadh a thoirt oirnne. Ach cruaidhichidh an cridhe a rìs, mur deachaidh a leaghadh le anail an Spioraid. A leughadair, an urrainn an duine nach d’ fhairich riamh cudthrom a pheacaidhean, agus do nach aithne [TD 131] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1878. TD 3] ioraslachadh air an son,—an urrainn e an Spiorad a bhi aige? Thoir breth air do shon fhéin. 5. Tha iadsan uile aig am bheil an Spiorad air an treòrachadh gu Criosd airson slàinte. Is e cuibhrionn d’ a dhreuchd, “fianuis a thoirt mu Chriosd,” a bhi “ ’gabhail de nithibh Chriosd, agus ’g am foillseachadh dhuinn.” (Eoin xv. 26, xvi. 15.) A thaobh nàduir tha sinn a’ meas gu-n oibrich sinn a mach slàinte dhuinn féin. Tha sinn a’ saoilsinn, troimh as doille, gu-m faod sinn ar sìth a dheanamh ri Dia.—O an doille thruagh ud tha an Spiorad ’g ar saoradh. Tha e a’ nochdadh dhuinn gu bheil sinn annainn féin caillte agus gun dòchas, agus gur e Criosd ann t-aon dorus air an urrainn sinn dol a steach do neamh. Tha e a’ foillseachadh dhuinn cho freagarrach ’s a tha slàinte an t-soisgeil do chor ar n-anaman. Tha e ’foillseacadh dhuinn maise glòrmhor na fìrinn ud gu bheil duine air fhìreanachadh a mhàin trid creidimh. Dìreach mar a dh’ itealaicheas an columan a dh’ ionnsuidh sgoltadh na creige air am bheil e eòlach, teichidh anam an neach aig am bheil an Spiorad gu Criosd, agus socraichidh e air. A leughadair, an urrainn esan do nach aithne ni air bith mu chreidimh ann an Criosd bhi ’n a dhuine aig am bheil an Spiorad Naomh? Thoir breth air do shon féin. 6. Iadsan uile aig am bheil an Spiorad, tha iad air an deanamh naomh leis. Is e “Spiorad na naomhachd.” (Rom. i. 4.) An uair a ghabhas e còmhnuidh ann an daoinibh, bheir e orra gu n lean iad gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, macantas, creidimh, foighidin, stuaim. Cha-n ’eil tlachd aca ’s a pheacadh na ’s mò. Is e am bròn an uair a bhuairear iad gu a dheanamh. Is e an naire ’n uair a ni iad e. Is e an iarrtus bhi air an saoradh uaith. Is e an uair a ’s sona a tha iad, an uair a ’s fhaisge a tha iad air Dia ’n an gluasad. Is e an uair a ’s brònaich a tha iad an uair a ’s fhaide as a tha iad uaithe. A leughadair, an urrainn an dream nach ’eil uiread ’s a’ gabhail orra bhi ’coiseachd a réir toil Dhé, bhi ’n am muinntir aig am bheil an Spiorad? Thoir breth air do shon fhéin. 7. Iadsan uile aig am bheil an Spiorad, gheibh iad cath annta fhéin eadar an seann nàdur agus an nàdur nuadh. Tha focail Phoil fior, ann an ceum, mu uile phobull Dhé, gu bheil “an fheoil a’ miannachadh an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na feola, air ach agus nach urrainn iad na nithean bu mhiann leo a dheanamh.” (Gal. v. 17.) Tha bith naomh aca ’n am broilleach, a bheir orra tlachd a ghabhail ann an lagh Dhé. Ach tha bith eile ’n an taobh a stigh, ag iarraidh uachdranachd, agus a’ stri ri iadsan a thoirt sios agus a thoirt air ais. Tha cuid anns am bheil an cath so na ’s cruaidhe na cuid eile. Ach tha e anns na h-uile neach aig am bheil an Spiorad. Agus is comharradh air mhaith e. Tha cogadh cho maith ri sith ’s an anam ’n a comharradh air làthaireachd an Spioraid. An neach a dh’ fhoghluim earbs’ agus a dhòchas a chur an Criosd, bithidh e ’n a dhuine a chogas a ghnàth an aghaidh peacaidh. A leughadair, an urrainn an neach tha aineolach air cogadh ’s an leth a stigh, agus a tha ’n a sheirbhiseach do ’n pheacadh, do ’n t-saoghal, agus d’ a thoil fhéin—an urrainn e bhi ’n a neach aig am bheil an Spiorad? Thoir breth air do shon fhéin. 8. Iadsan uile aig am bheil an Spiorad, tha gràdh aca dhoibhsan aig am bheil e. Tha Eoin ag ràdh mu ’n déighinn, “Tha fios againn gu-n deochaidh sinn seachad o bhàs gu beatha o ’n tha gràdh againn do na bràithribh.” (1 Eoin iii. 14.) Mar is mò a chì iad de ’n Spiorad Naomh ann an neach, is ann a ’s ionmhuinn a tha e aca. Is e glòir an Spioraid a bhi ’toirt air ais cuibhrionn de ’n ghràdh bhraithaireil, a ruaig am peacadh as an t-saoghal. Tha e ’toirt air daoinibh gràdh a thoirt d’ a chéile,—air sgàth Slànuidhir ris na ghabh iad le chéile, [TD 132] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1878. TD 4] creidimh a th’ aca, seirbhis a ni iad, agus dòchas a th’ aca le chéile as an aon ionad-comhnuidh shiorruidh. Tha e ag aonadh dhaoine le bhi ’g an aonadh uile ris an aon Chriosd. A leughadair, an urrainn esan aig nach éil tlachd ann an comunn dhaoine diadhaidh, no a ni tàire orra mar naoimh—an urrainn e bhi ’n a dhuine aig am bheil an Spiorad? Thoir breth air do shon fhéin. 9. Iadsan uile aig am bheil an Spiorad, theagaisg e iad a bhi ag ùrnuidh. Tha e ’n a ainm air anns an Sgriobtuir, “Spiorad nan gràs agus nan athchuinge.” (Sech. xii. 10.) Tha e air a ràdh gu-n éigh na daoine taghta ris oidhche ’us là. (Luc. xviii. 7.) Cha-n urrainn iad a leasachadh. Direach mar a ghlaodhas an naoidhean an uair a dh’ fhairicheas e pian, no ocras, a chionn ’us gur e sin a nàdur, mar sin bheir an nàdur nuadh, air a ghintinn leis an Spiorad Naomh, air an duine a bhi ag ùrnuidh. Tha Spiorad na h-uchdmhacachd aige agus is éigin da glaodhaich, “Abba, Athair.” (Gal. iv. 6.) A leughadair, an urrainn an duine nach dean ùrnuidh idir, no a tha toilichte le beagan fhocal gun bhrigh, gun chumhachd,—an urrainn e an Spiorad a bhi aige? Tha mi ag ràdh, an uair mu dheireadh, thoir breth air do shon fhéin. Is iad sin roinn de chomharraidhean an Spioraid, a réir mo bheachd-sa. Chuir mi sios iad mar a gheibh mi anns an Sgriobtuir iad. Thug mi oidhirp air an cur sios gun mheudachadh, agus gun ni air bith a chumail air ais. Feuch dhomhsa duine air am bheil na comharraidhean ud, agus aidichidb mise e mar leanabh Dhé. Faodaidh e bhi bochd ’s an t-saoghal. Faodaidh e bhi truaillidh ’n a shùilibh féin, agus an amharus m’ a shlàinte. Ach tha sin aige ann a tha ’tighinn o shuas a mhàin, agus nach millear a chaoidh, eadhon obair an Spioraid Naoimh. Feuch dhomhsa duine anns nach ’eil na comharraidhean ud, agus cha-n urrainn mi ’aideachadh mar fhior Chriosduidh. Faodaidh e aideachadh mòr a dheanamh. Faodaidh e bhi foghlumta, àrd ann an inbhe, agus beusach ’n a chaitheamh - beatha. Cha-n ’eil luach ann an sin uile mar bi an Spiorad Naomh aige. Tha e gun Dia, gun Chriosd, gun dòchas daingean, agus mur atharraich e, bithidh e gun ghlòir. Mur ’eil an Spiorad agad, bu chòir dhuit dol air ball gu Criosd ann an ùrnuidh, agus iarraidh air an Spiorad chur do d’ ionnsuidh ann an tròcair. Cha-n fhaic mi ùghdarras airson a bhi ’teagasg do dhaoinibh an Spiorad iarraidh ’s a cheud àite chum an toirt gu Criosd ’s an dara àite. Cha-n fhaic mi barranta ’s an Sgriobtuir airson sin. Cha-n fhaic mi ach ma tha daoine feumnach, caillte mar pheacaich gu-m bu choir dhoibh dol air ball, ’s a cheud tarruing, a dh’ ionnsuidh Chriosd féin ’s an t-soisgeul. Tha mi a’ creidsinn gur e Criosd an t-àite-coinnimh eadar Dia ’us an t-anam, agus is i mo cheud chomhairle dhoibh-san a tha ag iarraidh an Spioraid Naoimh, “Rach gu Iosa., agus innis dhasan d’ uireas-bhuidh.” Rev. J. C. RYLE. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY.JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 133] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH 1878. AN CEUD CHEUM GUS AN LAIMH DHEIS. [Dealbh] “Bu mhaith leam gu-m bithinn coslach riutsa, a charaid; tha d’ inntinn gu socrach a ghnàth. Gabhaidh tu ris na thig ort gun bhruaidlean, agus tha do ghnùis cho aoibhinn ri aon aghaidh a thachras ort. Cha b’ àbhaist duit bhi mar sin o shean, mu ’n do ghabh thu ’s an arm. Rinn an t-saighdearachd duine eile dhiot.” “Cha d’ rinn, Uilleim; ma chi thu atharrachadh ormsa, cha-n i an t-saighdearachd a rinn e.” “Ciod eile, ma ta?” B’ e so toiseach conaltraidh eadar dithis sheana chairdean, a choinnich ri ’chéile an deigh do àireamh bhliadhnachan dhol seachad; air dha fear dhiubh thighinn dhachaidh as an arm, an deigh bhi fada an dùthchaibh chéin. “Is e an ni a rinn atharrachadh ormsa, Uilleim, ni a tha cho saor dhuitse ’s a bha e dhomhsa,—an ni a leighiseas na h-uile droch nàdur, agus a dheanadh do dhleasdanas ’n a thoil- November 1878. “The First Step to the Right.” [TD 134] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH 1878. TD 2] inntinn, agus a dh’ fhàgadh do ghnùis aoibhinn le bhi ’cur aoibhneas ’n ad chridhe.” “Innis tuilleadh dhomh m ’ad thimchioll fhéin, a charaid. B’ àbhaisd domh bhi ’meas o shean gur tu bu mhiosa na mi fhéin. Bha mise dona gu leòr, ach b’ àbhaist domh a ràdh riutsa, tha cuimhne agad, gu-n robh thusa ro dhona; agus a nis an uair a sheallas mi riut, bithidh mi ag ràdh rium fhéin, “Ciod e nach tugainn na’m bithinn cho maith ri Mac—?” “Coma leat mo mhaitheas, Uilleim. Ach innsidh mi dhuit mu mo thimchioll féin. Bha mi, uair de na bh’ ann, ro dhona, mar a thubhairt thu; agus an uair a dh’ fhàg mi an tigh mar shaighdear bha mi ro dhona, agus bhithinn mar sin agus na ’s miosa an diugh; oir tha fhios agad, an duine a tha air slighe an uilc no a’ mhaith, gu-n teid e na ’s fhaide air adhart innte gach là. Bha mise ’coiseachd gu luath air an t-slighe a dh’ ifrinn. Ach cha robh ceannard-airm riamh aig an robh guth coslach ri a ghuthsan a labhair riumsa là le focal a chaidh troimh m’ anam. ‘Stad!’ ars’ esan agus stad mi; oir chunnaic mi ifrionn mar gu-m bithinn air a bruaich. Ach thug an Ti a thubhairt ‘Stad!’ ars’ esan agus stad mi; oir chunnaic mi ifrionn mar gu-m bithinn air a bruaich. Ach tug an Ti a thubhairt ‘Stad!’ am focal ud eile, ‘Mu ’n cuairt gu do làimh dheis!’ agus thionndaidh mi air ball. B’ e ‘Coisich gu luath!’ an ath fhocal, agus thug na h-uile ceum a ghabh mi o sin na ’s fhaisge mi air an tìr mhaith, Canaan na foise agus na sìthe.” “Cha-n ’eil mi a’ tuigsinn so. Tha fhios agam gu bheil mi air an rathad chlì; ach a dhol ceart, is i sin a’ cheist. Cha-n ’eil maith ann am bhi ag iarraidh a mhàin; agus cha-n ’eil ni a’ tighinn thugamsa, mar a thainig e thugadsa.” “Chaidh do thogail ann an eòlas air Leabhar aithghearr nan Ceist, Uilleim?” “Chaidh, ach ciod e ni sin dhomh?” “Nach b’ e aon cheist, ma ’s cuimhne leat, ‘Ciod e Aithreachas chum beatha?’ agus is e am freagradh a dh’ ionnsuich sinne, gur e gràs slainteil a th’ ann air’ oibreachadh ann an cridhe peacaich le Spiorad agus focal Dhé, (2 Tim. ii. 25; Gniomh. xi. 18,) leis am bheil sinne, le sealladh agus faireachadh, cha-n ann a mhàin air cunnart ach air truaillidheachd agus gràineileachd a’ pheacaidh, agus le breithneachadh air tròcair Dhé ann an Criosd, a’ càoidh agus a’ fuathachadh peacaidh air leithid a dhoigh ’us gu bheil sinn a’ pilltinn uaith gu Dia, (Esec. xviii. 28, 30, 32; Luc. xv. 17, 18; Esec. xxxvi. 31; 2 Cor. vii. 11; Gniomh. xxvi. 18,) le làn rùn agus oidhirp air a bhi ’coiseachd ann an slighe na h-ùmhlachd nuaidh. (Salm cxix. 6, 59, 128.) Nis is e so a thainig mo chridhe gu ’aithneachadh, Uilleim; b’ e so mo dhol ‘mu ’n cuairt gus an làimh dheis,’ a’ cheud tionndaidh a rinn mi ’n am là. Dh’ fhairich mi ciod e bha ’s an aithreachas tha so; agus ma ’s aill leatsa bhi ’n ad ‘dhuine eile,’ feumaidh an t-atharrachadh toiseachadh an so.” “Nis, sin an ni nach ’eil mise a ’tuigsinn, a charaid. Tha iad ag ràdh gur éigin do so uile bhi ann mu ’n tig maitheanas; is e sin, mar a tha mise a ’togail, gur e mo dhleasdanas aithreachas a dheanamh, agus mur dean mi mo dhleasdanas gu ’n tig peanas orm. Ach ma ’s e an t-aithreachas an ni a tha thusa ag ràdh, an sealladh agus am faireachadh ud air peacadh, agus air cunnart, agus air tròcair Dhé, an doilghios agus fuath peacaidh a tha an sud, agus na rùintean maith ud uile; ma ’s e so uile mo dhleasdanas, agus mo dhleasdanas a nis, tha agamsa r’ a ràdh, nach ’eil na smuaintean, agus na faireachaidhean, agus na rùintean ud agam, agus cha-n urrainn mi an toirt thugam. Ciod e an cor ’s am bheil mi!” “Stad ort, Uilleim, cha-n ’eil thu gu bhi am barail gu-m faod na h-uile ni a dh’ iarradh tu ’bhi agad air ball, no gu-m faod thu bhi ceart comhluath air d’ ullachadh airson beatha nuaidh mar a mhiannaicheadh tu; ach is e tha uait gu-n cleachd thu an gràs a fhuair thu. a’ toirt ùmhlachd do impidhean an Spioraid, agus gu-n gabh thu an [TD 135] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH 1878. TD 3] ceud cheum, chum agus gu-n gabh thu an sin ceum agus ceum eile. Cha-n fhaod sinn gearan nach ’eil sinn a’ ruighinn àite mur cleachd sinn ar cosan chum coiseachd. ‘Chnuasaich mi mo shlighean,’ ars’ an Salmadair, ‘agus phill mi mo chosan ri do theisteasaibh.’ Ciamar a bhitheas faireachadh againn air an fhìrinn d’ ar taobh féin, no a bhitheas beo-thogradh againn an déigh Dhé, mur smuainich sinn?” “Ach smuainich mi, a charaid, ’us tha smuaintean agam, agus is i mo bharail, gu bheil mi clì; agus gidheadh tha mi cruaidh, agus gu-n chomas air tighinn ceum na ’s fhaisge air na tha uam; seadh, tha mi ’g am fhaotainn féin na ’s fhaide uaith.” “Ach an d’ rinn thu urnuidh?” “Urnuidh! Ciod e ni sin dhomh? Tha mi gun chomas urnuidh agam.” “Iarr comas, ma ta. Ma tha thu fìrinneach ag iarraidh bhi’n ad Chriosduidh, bithidh Dia air iarraidh leat. ‘Iarr agus bheirear dhuit,’—na faireachaidhean, an dùrachd, uile thoraidhean an fhior aithreachais; ‘oir gach uile neach a dh’ iarras, glacaidh e; agus cia b’ e a shireas, gheibh e: agus do ’n ti a bhuaileas an dorus, fosgailear.’ (Mat. vii. 8.) “Ach leig dhomh mo sgeul innseadh dhuit. Aon fheasgair an uair a bha mi, mar a thubhairt mi, air mo thurus a dh’ ionnsuidh a bhàis, dh’ eirich conspoid eadar mi ’us cuid de ’m dhroch companaich, agus thug mi masladh orm fhéin. Air mo chomhdachadh ’us air mo lionadh le nàire, dh’ fhàg mi an t-àite mallaichte, agus chaidh mi stigh do dh’ eaglais; luidh mi ann an oisinn, agus dh’ éisd mi. Bha ministear ag urnuidh, agus, ‘Oh!’ arsa mise rium féin, ‘na ’m b’ aithne dhomhsa bhi ag urnuidh!’ Ach bha mo chridhe cruaidh, agus bha mi ro uaibhreach gu mo ghluinean a lùbadh. Mu dheireadh thuit mi sios, ged a bha mo chridhe fhathast cruaidh, ach mar a thubhairt thu fhéin, ciod e am maith bh’ ann, cha robh comas agam. Thubhairt mi mu dheireadh, ‘A Thighearna, cuidich leam! A Thighearna, teagaisg dhomh urnuidh a dheanamh!’ agus an sin thaisicheadh mo chridhe air ball. Cha b’ urrainn mise ach bhi ’s a ghal. “Dh’ fhàg mi an eaglais le rùintean ùra ’n am chridhe. Bha mi fad an là fo bhròn, ach bha dòchas agam cuideachd gu-n gabhadh Dia rium. Is iomadh oidhche an uair a bha mo chompanaich ’n an codal mu ’m thimchioll, a fhliuch mi mo leabaidh chruaidh le deòir; bha gné aoibhneis n’ am bhròn. Ach le sin uile cha bu leir dhomh ciamar a bhitheadh mo bhròn air a thionndadh gu aoibhneas maireannach. Thainig seann seòladair orm là, agus thairg esan trachd dhomh. Ghabh mi i, agus smuainich mi gu-m faodadh e an t-slighe gu sòlas a nochdadh dhomh. Dh’ innis mi dha mar a bha mi; agus rinn e gàire le aoibhneas an uair a labhair mise mu ’m bhròn. ‘Agus,’ ars’ esa, ‘tha Criosd ’feitheamh air do thearnadh; agus cha-n ’eil e ag iarraidh ach gu-n cuir thu do dhòchas aunsan airson slàinte.’ “Cha b’ urrainn mi tuigsinn mu chreidimh ann an Criosd. ’Is cruaidh leamsa, ged a tha thusa ’g a mheas socrach, bhi ’creidsinn ann an Criosd.’ ‘Faic,’ ars’ esa, ‘an so, tha thu coslach ri caiptean soithich bhige ’s an robh mise uair agus sinn a seòladh suas air “The Bristol Channel.” Bha sinn faisge air Great Orme’s Head mu choinnimh amhainn Chonbhaigh agus thug an caiptean a ghloinne dhomh agus thubhairt e, “Their iad gur e bha ’s an tùr ud a chithear romhainn tigh-soluis Romanach. Cha mhòr a tha an làthair dheth, agus is iad sin na tuill anns a bhalla ’s am bheil iad ag ràdh a bha cinn a’ chlàir air an do chrochadh sé lochrain chum soluis. Bha iad air an crochadh air ’leithid a dhòigh agus an uair a bha soitheach ag iarraidh stigh do bheul na h-aimhne chum Conbhaigh a ruighinn, gu-n robh i ’feitheamh gus am bitheadh àireamh nan solus le cuid ’us cuid ’fàs na ’s lugha, agus an uair nach bitheadh r’ a fhaicinn ach aon solus an àite trì, bha an soitheach air an t-slighe cheart; [TD 136] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH 1878. TD 4] agus cho fad ’s a bha na sé lochrain air an aon sreath ’us iad mar gu-m bitheadh iad ’n an aon, agus an fhaide sin a mhàin, bha i a’ seòladh gu sàbhailt a dh’ ionnsuidh a h-acarsaid. Bha aig am fear-stiùiridh ri sùil gheur a bhi aige, agus làmh dhaingean, airneo bhitheadh e ann an cunnart.” “Mata,” arsa mise, “tha leasan aig an seann tigh-soluis airson an dithis againne, tha mi a’ meas. Tha peacach fo bhuaidh aithreachais ag iarraidh stigh gu cala na sìthe. ‘Ciamar a ruigeas mi air?’ ars’ esa. Ciamar? Faic an solus a tha ’n sud. Dean stiùireadh d’ a ionnsuidh gus nach faic thu ach aon lochran. Is e sin Criosd. Seall ris mar d’ aon Thighearn, d’ aon iobairt airson peacaidh, d’ aon Slànuidhear foghainteach agus toileach, do Shlànuidhear féin. Seall ris-san a mhàin. Cum do shùil air, ’us gluais d’ a ionnsuidh. Amhairc gu samhach. Amhairc gun ghluasad. Na bi a’ sealltuinn mu ’n cuairt. Na bi a’ sealltuinn riut fhéin. Is cinnteach gu bheil thu ’s an t-slighe cheart ’n uair a sheallas tu ris-san mar d’ aon Slànuidhear. Na smuainich air ni ach air Iosa, agus coslach ri anamaibh na muinntir a ’ dh’ amhairc ris agus a shoillsicheadh,’ bheir solus ’fhabhair do d’ anam earbsach bhi ’g a fhaicinn ’us ’g a fhaireachadh fhéin ’s an acarsaid cheart, sàbhailt ann an cala na sìthe.” An ni a thubhairt mi ris a’ chaiptean tha mi ’g a ràdh riutsa, a charaid: tha an t-slighe soilleir; is e Iosa do Shlànuidhear a nis.’ Bu leòr dhomhsa teagasg an t-seann seòladair. Dh’ amhairc mi ri Iosa, dh’ earb mi as, agus fhuair mi sìth. “A nis, Uilleim, sin agad sgeul m’ atharrachaidh ‘o dhorchadas gu solus;’ is ann mar sin a thainig mise gu bhi ’n am dhuine eile seach mar a bha mi uaireigin, mar a thubhairt thu fhéin. Agus faodaidh tusa an ni a fhuair mise fhaighinn, ma gheilleas tu do ’n Spiorad bheannaichte a tha a nis ag oibreachadh annad, agus ’g ad sheòladh a dh’ ionnsuidh an Ti a tha ag ràdh ri ’d chridhe ’Thig do ’m ionnsuidhse, agus bheir mise suaimhneas dhuit.’ (Mat. xi. 28.) Nach tig thu, Uilleim?” “Thig mi, leagh mo chruas fo do sgeul. Tha an Spiorad mar gu-m bitheadh e ’g am theagasg ann an urnuidh a dheanamh, agus iarraidh mi gus am faigh mi. Bithidh do cheannardsa ’n a cheannard agamsa; agus theid mi leis gu tìr a’ gheallaidh.” Rinn Uilleam mar sin. Bha e ’n a “dheagh-shaighdear Iosa Criosd,” (2 Tim. ii. 3;) agus bha an dithis fad ’n an companaich air slighe na beatha. Tha an t-slighe cheudna fosgailte dhuinne. Is i an t-slighe, “aithreachas a thaobh Dhé, agus creidimh a thaobh an Tighearn’ Iosa Criosd.” (Gniomh. xx. 21.) Am bheil thu air an t-slighe ud? Na bi ag ràdh nach urrainn thu pilltinn. Mur ’eil thu air an t-slighe is e a ’s coireach “nach tig thu” a dh’ ionnsuidh Chriosd. Gus an tig, tha thu clì ’s na h-uile ceum, agus a’ dol na ’s fhaide o ’n mhaith agus na ’s dlùithe air leir-sgrios. Stad agus cnuasaich. Iarr cabhar o Dhia. Bi seasmhach; agus le làn rùn solus an Spioraid Naoimh a leantuinn, agus A BHI ’GABHAIL A’ CHEUD CHEUM GUS AN LAIMH DHEIS. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 137] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS NA BLIADHNA, 1879. SIUBHLAIDH AN SAOGHAL SEACHAD! “Gu deimhin tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh diomhan.”—Salm xxxix. 6. “Theid sgiamh an t-saoghail so seachad.”—1 Cor. vii. 31; 1 Eoin ii. 17. [Dealbh] See page 2. THA na nithean a chithear AIMSIREIL! Tha an saoghal againn a’ bàsachadh, agus cha-n ’eil baile a mhaireas againn. Ach ann am beagan ùine, theid na h-uile ni am mugha. Ann am beagan ùine thig an Tighearn, agus theid an trompaid dheireannach a sheirm, agus a’ bhinn mhòr a thoirt a mach air cloinn nan daoine. Tha saoghal ann nach siubhail seachad. Tha e maiseach, glòrmhor. Is e is ainm dha, “an oighreachd ’s an t-solus.” Tha e soilleir le gràdh Dhé agus aoibhneas nèimh. “Is e an t-Uan a tha ’n a sholus da.” Tha a gheata ’n an neamhnuidean; tha iad a ghnàth fosgailte! Agus mar a, dh’ innseas sinn do dhaoinibh mu ’n bhaile ghlòrmhor so, tha sinn ag iarraidh orra dol a stigh! Tha an ni a th’ air aithris ann an leabhar an Taisbeanaidh ag innseadh mu dhiomhanas an t-saoghail: “Agus thog aingeal treun clach mar chloich January 1879. “The World Passeth Away.” [TD 138] [CEUD MHIOS NA BLIADHNA, 1879 TD 2] mhuilinn mhòir, agus thilg e ’s an fhairge i, ag radh, Is ann mar so le neart a thilgear sios am baile mòr sin Babilon, agus CHA-N FHAIGHEAR E NA ’S MO. AGUS CHA CHLUINNEAR ANNAD NA ’S MO fuaim chlàrsairean agus luchd-ciùil, agus phiobairean, agus thrompadairean. Agus CHA-N FHAIGHEAR ANNAD NA ’S MO fear- ceirde, de ghnè ceirde ’s am bith.” Is e sin an là a tha ’tighinn air an t-saoghal, agus is e sin a’ bhinn a tha ’feitheamh air,—binn air am bheil na nithean goirt a thachair am measg mharsantan na tìre o cheann ghoirid ’n a shamhladh, leis a’ bhròn agus an trioblaid a thug iad air teaghlaichean. Bha seann mhinistear—o cheann da cheud bliadhna—air leabaidh a bhàis. Bha e mu cheithir fìchead bliadhna dh’ aois. Is iomadh tonn a shiubhail e eadar America ’us Sasunn, agus air ais a rìs. Luidh e aig Boston làn creidimh agus gràidh. Am feasgar roimh a bhàs, mar a luidh e ach beag gun chainnt, dh’ fhoignich a nighean dheth ciamar a bha e leis. Thog e a dhà làimh agus cha d’ thubhairt e, ’us làmh a bhàis air, ach “Nithean faileasach, nithean faileasach?” “Tha an saoghal a ’siubhal seachad!” Is e sin ar teachdaireachd. (1.) Mar aisling na h-oidhche. Luidhidh sinn sios; coidlidh sinn; dùisgidh sinn; agus na nithean taitneach a bha ’s a’ bhruadar cha-n ’eil iad ann! Is ann mar sin a shiùbhlas an saoghal. O a leinibh bhàsmhoir, nach ’eil saoghal na ’s fhearr agad? (2.) Mar cheò na maidne. Bheir an oidhche an ceò a nuas air na beanntaibh,—lionaidh e na glinn; éiridh a’ ghrian agus siùbhlaidh e—tha a’ bheinn agus an gleann gun cheò. Is ann mar sin a shiùbhlas an saoghal seachad, agus cha-n fhaicear tuilleadh e. O a dhuine, an gabh thu ri saoghal mar sin? An luidh thu sios air ceò, agus an abair thu, Is e so mo dhathigh? (3.) Mar fhaileas. Cha-n’eil ni ann a ’s lugha brìgh na faileas. Cha-n ’eil brìgh no bith aige. Tha e dorcha, tha dealbh air, ’us gluaisidh e, is e sin uile! Is e sin an saoghal. O a dhuine, an lean thu faileas? Ciod e ni faileas dhuit? (4.) Mar thonn na fairge. Eiridh e, tuitidh e, ’us cha-n fhaicear rìs e. Is ann mar sin tha an tonn. Is ann mar sin tha sgeul an t-saoghail. O a dhuine, an dean thu cuibhrionn de thonn? Nach ’eil cluasag na ’s fhearr agad air an leag thu do cheann sgìth? Saoghal bochd mar chuspar gràidh do ’n chridhe, chum anam neobhàsmhor a lionadh! (5.) Mar bhogha-braoine. Tha a’ ghrian a’ cur dath air neul, agus car mionaid is sgiamhach e. Ach tha an neul ag atharrachadh, agus tha an sgeimh a’ siubhal seachad. Is ann mar sin tha an saoghal. Le ’uile sgeimh ’us ghrinneis; le ’uile urraim ’us thoilinntinn; le ’uile shaoibhreis ’us mhòralachd; le ’uile aidhir ’us shugraidh; le ’uile mhorchuis ’us shogha; le ’uile ruidhtearachd ’us anabarra; le ’uile dhochais ’us mhiodail; le ’uile ghràidh ’us ghairdeachais; le ’uile sheinn ’us ghreadhnachais; le ’uile neamhnuidean ’us òir, teichidh e air falbh. Agus cha-n aithnich an neul am bogha-braoine tuilleadh. O a dhuine, an e saoghal diomain mar sin d’ oighreachd? (6.) Mar bhlàth. Maiseach, ro mhaiseach; cùbhraidh, ro chùbhraidh, tha blàth an t-samhraidh. Ach siùbhlaidh e seachad. Is ann mar sin a theicheas an saoghal o shealladh ar sùla. An uair a tha sinn ag amharc air, feuch, dh ’fhalbh e! Cha-n ’eil ann dhe ’uile mhaise ach beagan duslaich! O a dhuine, am beathaichear thu le blàth nan luibh? An urrainn thu bhi air do shàsuchadh le ni nach mair ach uair? Rinneadh thusa airson na bithbhuantachd; agus cha dean sàsuchadh no suaimhneas dhuit ach an ni a mhaireas gu bràth. Cha-n ’eil na nithean a tha ’dol a dhìth ann an cleachdadh, ach a ’fanoid air do mhiann. Cha-n urrainn iad do lionadh; agus ged a lionadh, cha-n fhan iad. Tha bàsmhorachd sgriobhta air na h-uile ni [TD 139] [CEUD MHIOS NA BLIADHNA, 1879. TD 3] tha so; buinidh neobhàsmhorachd do ’n t-saoghal a tha ri thighinn—an neamh nuadh agus an talamh nuadh far an gabh fìreantachd comhnuidh. (7.) Mar long air cuan. Leis na siùil uile suas, agus gaoth sgairteil a’ séideadh, thig an long am fradharc, siùbhlas i seachad, agus theid i á sealladh. Is ann mar sin thig, agus theid, agus theicheas an saoghal tha an làthair, leis na th’ ann. Beagan uairean a thìm ’s an t-sealladh agus an sin air falbh! Tha an cuan mòr air an do sheòl i cho ciuin no cho stoirmeil ’s a bha e roimhe; gun ni de ’n bheatha, no de ’n ghluasad, no de ’n mhaise a bh’ ann ri fhaicinn idir! O a dhuine, an e an saoghal diomain so d’ aon àite-comhnuidh? Am bheil do shaoibhreas, do dhòchas d’ aoibhneas uile air an tasgadh suas an sud? C’ àite am bi iad n’ uair a theid thusa sios do ’n uaigh? No, c’ àite am bi thusa ’n uair a threigeas na nithean sin thu, agus a bhitheas an oighreachd uile a bh’ agad airson na siorruidheachd air a spionadh uait. Is bochd an oighreachd e aig a chuid a ’s fearr, agus tha a neo-mhaireannachd ’g a fhàgail na ’s bochda. O, dean roghainn de ’n chuid mhaith nach toirear uait! (8.) Mar bhùth anns an fhàsach. Is aithne do an dream a shiubhail gainmheach fàsaichean Arabia ciod e a ’s ciall do so. M’ fheasgair chithear ball beag geal mar gu-m bitheadh e ag éiridh as a’ ghainmhich. Is e bùth fir-thuruis a th’ ann. N’ uair a dh’ éireas a’ ghrian siùbhlaidh e. Teichidh e fhéin ’s a luchd-còmhnuidh. Tha am fàsach cho aonaranach ’s a bha e roimhe. Is ann mar sin tha an saoghal. An diugh chithear e, am màireach cha-n fhaic. O a dhuine, air do bhreith o mhnaoi, an e sin do dhòchas ’us do dhathigh? Nach ’eil “baile a mhaireas” agad, ’n uair a leagar do bhùth bochd? Am bheil an tigh-cainbe gu bhi agad mar do chuid? An abair thu m’ a thimchioll, “Is e so mo shuaimhneas,” an uair a dh’ innseas sinn dhuit gu bheil suaimhneas ann, suaimhneas siorruidh, a’ feitheamh air pobull Dhe? THA AN SAOGHAL A’ SIUBHAL SEACHAD! Is i so teachdaireachd o Dhia. Tha na h-uile fheoil ’n a fheur, agus a sgeimh uile mar bhlàth na macharach. THA AN SAOGHAL A’SIUBHAL SEACHAD! Ach tha Dia beò. Tha e o shiorruidheachd gu siorruidheachd; an Righ siorruidh agus neobhàsmhor. THA AN SAOGHAL A’ SIUBHAL SEACHAD! Ach tha an duine neobhàsmhor. Tha a’ bhithbhuantachd roimh uile chlann Adhaimh mar chrioch am beatha. Anns an t-solus no anns an dorchadas gu bràth! Ann an aoibhneas no ann am bròn gu bràth! THA AN SAOGHAL A’ SIUBHAL SEACHAD! Ciod e rìs? Is i so a’ cheist mhòr. Ma tha an saoghal gu siubhal seachad, agus an duine gu bhi beò gu bràth nach mòr an ni ri ’aithneachadh c’ àite agus ciod a bhitheas sinn gu bràth. Bha lighich ainmeil ann a thubhairt chum neach a bha gu tinn a mhisneachadh, “Buin ris a’ bheatha a tha làthair mar ni suarach.” Bu bhochd a’ chomhairle i. Oir cha-n e ni suarach a th’ ann ar beatha. Is e beatha an so toiseach na beatha air nach tig crioch; agus is e tìm starsnaich na siorruidheachd. Ciod e rìs? Is éigin duit, O a dhuine, dathigh a bhi agad dhuit féin ’s an t-saoghal gus am bheil thu ’dol. Cha-n fhaod thu dol as a’ phàilliun gun àite bhi agad ’sa bhaile ud aig am bheil bunaitean. An uair a thachaireas sin faodaidh tu luidh sios gu suaimhneach air leabaidh do bhàis. Gus am bi sin agad cha-n urrainn thu dol troimh bheatha no troimh bhàs le sìth. Bha duine ro shaoghalta aon uair ri uchd bàis; agus an uair a bha a’ chrioch dlù thubhairt e na focail uamhasach so, “Tha mi ’bàsachadh, agus cha-n ’eil fhios agam c’ àite am bheil mi a’ dol.” Thubhairt fear eile ’s an t-suidheachadh cheudna, “Tha mi mu ruith uair a thìm do ’n bhithbhuantachd, agus tha na h-uile [TD 140] [CEUD MHIOS NA BLIADHNA, 1879. TD 4] ni dorch.” O a dhuine an t-saoghail, is mithich dhuit a bhi ’dusgadh! “Ciamar a bhitheas mi cinnteach?” is e their thu. Is fhad o fhreagair Dia a’ cheist ud, agus tha am freagradh air a chur sios, “Creid anns an Tighearn Iosa Criosd, agus bithidh tu air do theàrnadh.” “Creid anns an Tighearn Iosa Criosd! Rinn mise sin riamh!” their thu. Ma tha sin fior, is duine teàruinte thu! Ach am bheil e fior? An e caitheamh-beatha duine a theàrnadh a th’ agad? Cha-n e idir. Ach caitheamh-beatha an diomhanais. Ma ’s e, mar is beò Tighearn Dia Israeil, agus mar is beò d’ anam, cha do chreid thu, ’us cha-n ’eil thu teàruinte! “Nach ’eil ma ta obair agam r’ a dheanamh airson maitheanais do ’m pheacadh?” Cha-n ’eil. Ciod e an obair a ni thu? Ciod e an obair leatsa a cheannaicheas maitheanas, chum do dheanamh freagarrach airson fàbhar Dhé? Cha dean obair ’s am bith. Ciod e an obair a dh’ àithne Dia dhuit chum slàinte a chosnadh? Cha d’ àithne obair ’s am bith. Cha-n ’eil ann ach aon obair leis an teàrnar duine. ’Us cha-n e sin d’ obair-sa ach obair Mhic Dhé. Tha an obair sin criochnaichte—cha toirear uaithe ’us cha chuirear rithe—coimhlionta gu bràth—agus air a cur romhad leis féin chum gu-n gabh thu rithe ’us gu-m bi thu air do theàrnadh. “Agus am bheil an obair sin ’n a h-obair a dh’ fhaodas bhi air a meas air mo shonsa mar a tha mi?” Tha. Tha sinn ’cur onoir air an Athair ’n uair a tha sinn toileach bhi air ar teàrnadh a mhàin le obair chriochnaichte a’ Mhic; agus tha sinn ’cur onoir air a’ Mhac ’n uair a tha sinn toileach gabhail r’ a aon obair-sa ann an àite ar n-oibre uile; agus tha sinn ’cur onoir air an Spiorad Naomh, aig an e a dhreuchd bhi a’ glorachadh Chriosd, an uair a chluinneas sinn na tha e ag ràdh ruinn mu ’n obair a chriochnaicheadh “aon uair” air a’ chrann-ceusaidh. Maitheanas troimh an duine Iosa Criosd, neach a ’s e Mac Dhé agus Mac an duine! Is i so ar teachdaireachd. Maitheanas troimh an aon obair a rinn e a’ giùlan peacaidh airson pheacach air an talamh! Maitheanas do na peacaich a ’s duibhe ’s a ’s fhaide as o Dhia, a tha air an talamh. Am maitheanas a ’s mò. a ’s làna, a ’s coimhlionta; gun doichioll, gun lethbhreth, agus nach toirear air ais! Maitheanas saor, ’us gun toillteanas,—cho saor ri gràdh Dhé, cho saor ri tiodhlac a Mhic! Am b’ urrainn slàinte bhi na ’s saoire? Am b’ urrainn slàinte thighinn na ’s faisge? Anns a’ chrann-ceusaidh tha slàinte —ach an sin a mhàin. Cha-n urrainn neoil dhubha an t-saoghail a ghlòir ’fholach. Is ann ’s an droch là a ’s soilleire e chithear e. Ann an là an eagail roimh na tha ’tighinn, la na trioblaid, agus a’ mhòr churaim,—’n uair a thréigeas cairdean sinn, a theicheas aoibhneas uainn, a thig euslainte, agus a bhuaileas an éigin aig an dorus,—is ann an sin a dhealraicheas an crann-ceusaidh, agus a dh’ innseas e mu sholus an taobh thall do dhorchadas an t-saoghail, Solus an Ti ghlòrmhoir sin a ’s e solus an t-saoghail. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MURRAY AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 141] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS NA BLIADHNA, 1879. AN T-AMADAN. “AISLING NA H-OIDHCHE.” [Dealbh] See page 4. BHA obair aoin de thighean-chleasaichean Lunnuin aig a làn àirde mu’ n Nollaig. Bha a’ chluiche ris an abrar “Pantomime” air chois: ’us bha na h-amadanan-àbhachd agus an companaich ann am beo-chleachdadh. Bha mu thri mìle pearsa, sean ’us òg, bochd ’us beartach, cruinn ’s an tigh. ’N am measg uile—’us iad uile neo-bhàsmhor—cha robh a réir coslais, aon smuain mu Dhia, mu Chriosd, no mu shiorruidheachd; cha robh aca ach diomhanas. Ma thig Criosd gu luath, am faigh e aon idir d’ a chuid féin ann an leithid a dh’ àite? Oidhcheachan ’us mu dheireadh miosan bha a’ chluiche ’dol air adhart. Ach mar a chaidh an geamhradh seachad chaidh a’ chluiche ud seachad cuide ris, agus bha aig an luchd-cluichidh, ri ’n aran a chosnadh mar a dh’ fhaodadh iad rathad eile. Cha robh tuilleadh cosnadh ann an sud do ’n amadan; ach bha rathad February 1879. “The Clown.” [TD 142] [DARA MIOS NA BLIADHNA, 1879. TD 2] eile aige air a bhi beò. Bha e ’n a chleachdadh aige bhi air cheann coinnimhean-ciùil, agus a bhi ’seinn an sin fo chaochladh ainme, a’ seinn ’s a’ labhairt, uair mu seach, ni a tha ro thaitneach leis a’ mhuinntir bhochd agus aindiadhaidh, an ceann shios Lunnuin, agus an iomadh àite a bharrachd air. Ach thug e an aire nach robh e fo uiread de mheas ’s a bha e uaireigin, cha robh daoine cho càirdeach ris, cha robh a sheinn cho taitneach, agus cha robh e ’faighinn a thuarasdal le na h-uiread a thoil—’us mu ’n d’ fhalbh e do ’n “Phantomime;” agus cha robh fhios aige an gabhadh iad stigh a rìs e do ’n àite ’s an robh e roimhe. Chuir e roimhe an sin gu ’m b’ éigin ni eile a bhi aige a bheireadh taitneas do ’n t-sluagh, agus a dheanadh e cho mòr aca ’s a bha e riamh, co dhiubh. Cha b’ urrainn e ùrnuidh dheanamh mu ’n ghnothuch, chum seòladh ’us neart fhaotainn o ’Athair air neamh—is ann nach do smuainich e idir air, us cha robh creidimh aig an Dia no Criosd: bha e toileach saothrachadh—’n a dhòigh thruagh fhéin—airson an arain a theid am mugha; ach cha robh aithne aig air an aran shiorruidh, bheò, no speis dha. (Eoin vi. 33.) Bha an dùsgadh mòr, spioradail, a thoisich an ceann shios Lunnuin aig an àm ud ’n a làn neart; bha an soisgeul glan air a shearmonachadh do ’n bhochd, ’us do ’n aineolach, le cumhachd, dilseachd, agus éifeachd mòr. Bha na h-àitean-aoraidh fosgailte na h-uile feasgair ’s an t-seachduin, agus bha mòran theachdairean cumhachdach air am faighinn toileach air Criosd a thogail suas le eud agus dùrachd mar an aon fhasgath do ’n pheacach caillte. Bha àireamh mhòr air an toirt o dhorchadas gu solus iongantach, agus bha mòran labhairt ’s a’ choimhearsnachd mu na coinnimhean. Thug so gu inntinn an amadain-àbhachd an ni bha uaithe; rachadh esan do na coinnimhean, agus dheanadh e spòrsa dhiubh do ’n t-sluagh ’s an tigh- chleasaichean. Cha robh smuain aige mu ’n pheacadh mòr a bha ’n a amharc, no mar a dh’ fhaodadh e call a dheanamh do anamaibh neo-bhàsmhor dhaoine, a bhitheadh air an cruadhachadh an aghaidh na fìrinn, agus an aghaidh oibre an Spioraid aig an àm. Bha e air a “mhothachadh a chall,” “marbh ann an euceartaibh ’us ann am peacaibh.” Bha an t-àite ’s na rùnaich e dol a dh’ éisdeachd ’n a thalla mòr, air ullachadh mar thigh-coinnimh do dhaoinibh bochda. Bha cruinneachadh mòr ann, agus sheas e ann gun neach ann a bha eòlach air. Thoisich an t-aoradh le seinn, a shaoil leis a fhreagradh a ghnothuch,agus a sgrìobh e sios. Thainig an sin leughadh a’ Bhiobuill, a bha e a’ meas b’ fhearr dha fhàgail, ann an ceum o amharus bhi air an giùlaineadh daoine leis, agus ann an ceum a chionn gu-n robh roinn a spéis aige do “leabhar a mhàthar” ris nach b’ urrainn e dealachadh. Thainig an sin an ùrnuidh ’us cha d’ fhuair e dad an sin. Bha tuilleadh aige o ’n dara laoidh: agus an sin thainig a’ cheud teagasg. Bha am fear-labhairt ’n a dhuine beag, dorcha, goirid ’s an t-sealladh, le beagan stadaich ’n a chainnt, ’us e mall ’n a bhruidheann, an dearbh ni a fhreagradh am fear-fochaid. Ach mar a lean an teagasg dh’ fhàs am fear-labhairt blàth; lìon an fhìrinn ’inntinn, dh’ fhàs a bheachd ’s a ghuth soilleir, agus bha cumhachd mòr aige thar an t-sluagh. Agus cha robh an t-amadan-cluiche gun fhaireachadh. B’ e an stéidh-theagaisg “Ullaich thu fhéin gu codhail a chumail ri do Dhia!” (Amos iv. 12,) agus is ann air an ullachadh bha feumail mu choinnimh na codhail mòire ud ri Dia, a labhradh leis an teachdair. Chriochnaich e an teagasg le bruidheann dhruighteach ri cridheachaibh agus ri coguisibh dhaoine mu ’n cor féin agus mu ’n ullachadh airson taisbeanadh gu h-obann am fianuis Dhé. Bha am fear-éisdeachd air a ghluasad, air achd agus nach do thionail e dad o ’n dà laoidh eile a chaidh sheinn, oir b’ éigin da falbh chum an anshocair a [TD 143] [DARA MIOS NA BLIADHNA, 1879. TD 3] dh’ fhairich e a bhàthadh ann an deoch laidir. Ach thill e a dh’ éisdeachd ris an ath theagasg, agus fhuair e gu-n robh e mar a bha na chaidh roimhe. Is e bha aig an fhear-labhairt teagasg air ceartas siorruidh Dhé ann a uile bhuntuinn ri peacaich o ’n cheann-teagaisg “Cia b’ e ni a shiol-chuireas duine, an ni ceudna buainidh e.” (Gal. vi. 7.) Fhad ’s a mhair an teagasg, dh’ fhairich an t-amadan bochd, ma bha sud uile fior, gu-m b’ eagallach an cor ’s an robh esan mar pheacach. Bha coinneamh air ainmeachadh an deigh na coinnimh eile airson comhairleachaidh agus ùrnuidh; ach dh’ fhalbh an toil a bh’ aig gu aobhar sporsa fhaighinn ann, agus dh’ fhàg e an t-àite fo thrioblaid mhoir anama. Dh’ fhairich e nach b’ urrainn e pilltinn a dh’ ionnsuidh na droch àitean-tathaich a bh’ aige, agus air an aobhar sin thill e dhathigh, a’ cur iongantais air a bhean ’s a chloinn. Ghabh e a choir de ’n bhiadh-fheasgair aca, a cheud uair airson iomadh bliadhna, agus an sin chaidh e a chodal gun aon fhocal buidheachais no athchuinge, agus an uine ghoirid bha codal neoshocrach, ’us bruadar aige. Thoisich “aisling na h-oidhche” aige le sealladh air gach ni a thachair gach oidhche ’n a chleachdadh a bhi measgta an ceann a chéile, ag atharrachadh, ach le cuid ’us cuid a’ tighinn gu bhi air an cur roimhe gu rianail, ordail, agus mar sin a’ fàgail an lorg domhainn ’n a chuimhne. Chunnaic e tighean, tighean-chleasaichean, agus tighean-ciùil, stigh ’us a mach, aig an aon àm. Ach cha robh àite ’s a’ bhruadar aig a’ bhunait ghnàthaichte; an àite sin is ann bha am bunaite a’ seasamh air cuan de dh’ fhion—soilleir, dealrach; agus mar a sheall e le iongantas air a’ bhunait ùr ud, chunnaic e gur e bha ’s an fhion dhearg ud teine làidir a bha soilleir thar comas innsidh, air an robh na h-uile tigh-chleasaichean ’us tigh-ciuil a chunnaic e riamh ’n a sheasamh. A thuilleadh air sin chunuaic e aghaidhean a chuid companach a bha marbh o cheann iomadh bliadhna, dìreach mar a bha iad an uair a bha iad beò; agus mar a sheas iad a ’seinn ’s a’ cleasachd mar o shean, bha iad mar gu-n rachadh iad sios, le cuid ’us cuid, anns an fhion theinnteach a bha fodha. Mar a chaidh iad sios, chunnaic e na h-aghaidhean aca ag atharrachadh o neul fhochaid ’us tàire, agus a’ taisbeanadh broin ’us mulaid, ’us fulangais uamhasaich. Lean an aisling air adhart; agus chunnaic e e fhéin air a chois, agus chual ’e an gàire labhar a bheireadh an sluagh ’n uair a thigeadh e an toiseach romha; ach, b’ aithne dha, mar an ceudna, eadhon an uair a bha e ’dol troimh a chuid fhéin de ’n chleasachd, mu ’n fhion dhearg air an robh e ’n a sheasamh, agus an uair a bha e mar dhuine air am bitheadh an cuthach, a’ deanamh sporsa do ’n t-sluagh a bha timchioll air, bha a chridhe làn uamhais roimh ’n t-slochd theinnteach gun ghrunnd a bha fo a chosaibh. Chunnaic e e fhéin a’ dol sios ann, agus gaireachdaich nan daoine fhathast a’ seirm ’n a chluasaibh. Mar a chaidh e sios, dh’ fheuch e fhathast ris a’ chluiche a chumail air adhart, ged a bha a theangaidh ach beag a leantuinn r’ a ghial, agus gach ball deth air chrith. An sin thainig uamhunn mhòr air; thionndaidh an t-òran fochaid aige gu sgread an amhghair mhòir; fhuair e a’ cheud bhlas air teas an teine. Dh’ fhairich e nis mar gu-m bitheadh e air a threigsinn gu h-iomlan, gun dòchas idir aige; agus mar a chaidh e sios na ’s doimhne ’s an losgadh bithbhuan, dh’ aithnich e gu-n robh e caillte gu siorruidh—anam ’us corp;—gu-m b’ e am fion teinnteach ’s an robh e ’dol sios, “copan fraoich feirge Dhé!” Dhuisg an uamhunn mhòr a thug “aisling” air o a chodal e, agus luidh e air chrith air ’leithid a dhoigh ’us gu-n do chrith an leabaidh foidhe. Bha briseadh an latha r’ a fhaicinn troimh an uinneig; agus dh’ éirich e chum tuiteam air a dhà ghlùn ri oir na leapa—thar na h-uile ni taingeil nach robh e fhathast air a thilgeadh [TD 144] [DARA MIOS NA BLIADHNA, 1879. TD 4] anns an fhion theinnteach, gun chomas tighinn gu bràth as. Bha sealladh air a mhnaoi agus a chloinn a’ codal dlù dha ’n a shòlas mòr dha, ag innseadh dha gu-n robh e fhathast sàbhailt, agus gu-n robh àite aithreachais agus tearnaidh aige. Chunnaic e cho lionmhor ’us cho mòr ’s a bha a pheacaidhean; agus nam bitheadh e air a thilgeadh anns an fhion loisgeach, nach robh dion no leithsgeul aige, agus nach b’urrainn e coire fhaighinn do ’n bhinn a bhitheadh ann, bha fhios aige gu-n robh e ciontach, agus lùb e a dha ghlùn mar neach fo fhéin-dhìteadh ann am fianuis an Dé Mhòir. Chaidh e air ais agus air adhart fad an là, truagh thar comas innsidh, ach gun fhios air thalamh aige c’ àite am faigheadh e saorsainn. Ach ’n uair thainig am feasgar, bha e rìs ’s an tigh-choinnimh, far an cuala e teagasg an deidh seinn ’us ùrnuidh—agus cha b’ ann chum fala-dhà, no atharrais air a dh’ éisd e nis—air an fhocal luachmhor, “Tha am fear so a’ gabhail pheacach d’ a ionnsuidh.” (Luc. xv. 2.) Thoisich am fear-labhairt le bhi ’toirt cunntas mu na gné dhaoine tha ann ar là-ne a tha coltach riusan ris an do ghabh ar Tighearn ’n a là-sa, agus an sin thòisich e air a bhi ’nochdadh ciamar le naomhachd iomlan a bheatha air thalamh, agus le bhi ’fulang amhghar airson dhaoine gun toillteanas, ged nach robh mi-thoillteanas ’s am bith aig fhéin, choisinn Criosd còir air a bhi ’saoradh agus “a ’tearnadh, eadhon gu h-iomlan, na h-uile a thig chum Dhé tridsan,” (Eabh. vii. 25); agus gu-n do chleachd e a chòir a choisinn e mar so, fad ceudan ’us miltean de bhliadhnachan; nach robh a ghairdean air fàs goirid air achd ’us nach urrainn e tearnadh, no a chluas tròm air achd ’us nach urrainn e cluinntinn. Ma bha na daoine bha làthair ullamh chum aithreachas a dheanamh, agus creidsinn annsan, cha ruigeadh am peacaidhean a leas na ’s fhaide an dealachadh o Dhia, no a ghnùis aluinn a philleadh uatha. Chunnaic an cleasaiche an ni uile, oir dh’ fhosgail an Tighearn sùilean an duine o ’n leth-stigh. Chuunaic e gu-n robh an t-iomradh a thugadh seachad, dìreach ag innseadh a chliù fhéin o thoiseach; agus mar a lean am fear-labhairt, chunnaic e mar an ceudna, le aoibhneas ro mhòr, “gu-n do bhàsaich Criosd airson nan daoine midhiadhaidh,” (Rom. v. 6.) agus gu robh esan, air an aobhar sin, am measg na muinntir a thainig an Slànuidhear glòrmhor a thearnadh. An uair a dh’ fheòraich am fear-labhairt, co ’n am measg a bha toileach gabhail ri maitheanas agus sìth air an tairgseadh gu saor, dh’ fhairich e gu-n robh esan toileach—air a dheanamh toileach ann an là a chumhachd; agus ruith na deòir sios gu luath air a ghruaidhean, mar a chrom e sios air a ghlùnaibh ann an aithreachas gun cheilg agus le ùrnuidh dhùrachdaich, chreidmhich, airson trocair. Agus mar sin, fhuair e sìth ann am bhi ’creidsinn; agus o a bhilibh féin chuala mi sgeul air e bhi air a thogail suas “o mheasg nam marbh” le “aisling” uamhasach “na h-oidhche” a chunnaic e. Rev. C. J. WHITMORE, London. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 145] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS MAIRT, 1879. “C’ AITE AM BHEIL THU?” EARAIL LE D. L. MOODY. [Dealbh] CHAIDH sé mile bliadhna seachad o labhair Dia na briathran ud ri Adhamh ann an gàradh Eden, an deigh dha tuiteam,—C’ AITE AM BHEIL THU? (Gen. iii. 9.) Thàinig na focail a nuas thugainne troimh na ginealaich, agus is barail leamsa gur gann iad de shliochd Adhaimh nach cuala iad uaireigin, theagamh mu mheadhon oidhche a’ tighinn orra—“C’ àite am bheil mi? Cò mi? C’ àite am bheil mi ’dol? agus ciod e a’s crioch do so?” Is gliocas do dhuine tàmh agus a’ cheisd ud a chur air fhéin. Bu mhaith dhuitse a foighneaehd, a ghille bhig; agus dhuitse, a nighean oige; agus dhuitse, a shean duine le do chiabhan liath, agus do shuilean a’ fàs mall. Cha-n ’eil mi a’ foighneachd, c’ àite am bheil thu a réir barail do choimhearsnach; no a réir barail do chairdean; no a réir barail do luchd-eòlais air fad. Is beag an ni ciod i barail dhaoine mu r March 1879. “Where Art Thou?” [TD 146] [MIOS MAIRT, 1879. TD 2] timchioll; ach is mòr an ni ciamar a tha Dia ’g ar faicinn; is cudthromach do dhaoinibh aithneachadh c’ àite am bheil iad ann an sealladh Dhé; agus is i sin a’ cheisd nis. Cuiribh mata a’ cheisd ribh féin. Na bithibh a’ meas gu bheil mise a’ searmonachadh do ’ur coimhearsnaich, ach cuimhnichibh gu bheil mi a’ labhairt ribhse—do gach neach agaibh, air leth. “C’ AITE AM BHEIL THU?”—Bu mhaith leam focal a ràdh ri trì seorsa dhaoine—Criosdaidhean aideachail, luchd-cùilsleamhnachaidh, agus na h-aindiadhaich. An toiseach, bu mhaith leam a’ cheisd so a chur air a’ Chriosdaidh aideachail, no cuireadh Dia air i—C àite am bheil thu? Ciod e m’ àite ’s an eaglais, agus am measg mo luchd-eòlais? An aithne do mo chairdibh gur leis an Tighearn mi? Dh’ fhaodadh tu ’bhi ag aideachadh o cheann fhichead bliadhna, no da fhichead. Ach, c’ àite am bheil thu an nochd? Am bheil thu air an t-slighe do nèamh? Agus an urrainn thu aobhar an dòchais agad a thoirt seachad? Nan iarrainnse air na fior Chriosdaidhean ann a so éiridh ’n an seasamh, am bitheadh nàire ort éiridh? Nan cuirinnse mar cheisd air na h-uile Criosdaidh aideachail a tha an so, “Nam bitheadh tu air do ghearradh sios le làimh a’ bhàis, am bheil aobhar maith agad air a bhi ’meas gu ’m bitheadh tu air do thearnadh?” Am bitheadh tusa toileach air seasamh suas am fianuis Dhia ’us dhaoine, agus a ràdh gu bheil deagh aobhar agad air a bhi ’meas gu ’n deachaidh thu seachad o bhàs gu beatha? No am bitheadh nàire ort? Amhairc air ais air na bliadhnaibh a dh’ fhalbh: am b’ urrainn thu a ràdh le fìrinn, “Tha mise ’n am Chriosdaidh;” agus am bitheadh do chaitheamh-beatha a réir sin? Cha-n e na their sinn a dh’ fhoghnas, ach an caitheamh-beatha a th’ againn. Is fearr gniomh no focal. An aithne do ’d chomh-sheirbhisich gur Criosdaidh thu? An aithne do ’d theaghlach? An aithne dhoibh gu bheil thu air taobh an Tighearna? Foighnicheadh na h-uile fear-aidich, C’ àite am bheil mi, an sealladh Dhé? Am bheil mi ’n am fhianuis airson Chriosd anns an t-saoghal dhorch so? Ma tha duine air taobh Dhé, bitheadh e follaiseach ann; agus ma tha e air taobh an t-saoghail, bitheadh e soilleir ann. Is e an oidhirp a th’ aig cuid air a bhi ’deanamh seirbhis do Dhia agus do ’n t-saoghal comhluath—a bhi air an dà thaobh aig an aon àm—am bacadh mòr air fàs na fior dhiadhachd. “Ma ’s aill le neach a bith teachd a ’m dheigh-sa, àicheadhadh se e féin, agus togadh e a chrann-ceusaidh gach là, agus leanadh e mise.” (Luc. ix. 23.) Nis, ’s an dara àite, labhraim beagan riusan a chaidh air ais do ’n t-saoghal—luchd a’chùilsleamhnachaidh. Thàinig thu, theagamh, ’n ad Chriosdaidh aideachail o cheann ùine gu baile mòr. Bha thu roimhe ’n ad bhall eaglais, agus a’ teagasg ’s an sgoil-shàbaid; ach ’n uair a thàinig thu am measg choigreach, shaoil leat gu ’m fanadh tu tacan—gu-n tòisicheadh tu a rìs a dh’ aithghearr. Mar sin leig thu dhiot ’bhi gniomhach airson Chriosd. Agus anns an eaglais gus an d’ thàinig thu cha robh iad cho blàth riut ’s a dh’ earb thu, agus dh’ fhuirich thu air falbh. Chaidh thu cho fad nis ’us gu bheil thu ’dol do thigh nan cleasaichean, us ’n ad chompanach aig luchd-toibheim ’us aig misgearan. Faodaidh mi bhi ’labhairt a nis, ri neach bha fad air falbh o thigh ’athar. Thig, mata, thusa a chùilsleamhnaich, agus innis dhomh, am bheil thu sona? An robh aon uair a shonas agad o thréig thu Criosd? An leòr leat an saoghal agus na plaosgan a dh’ ith thu ’s an dùthaich fad as? O, fhir a chùilsleamhnaich, thig dhachaidh an nochd! Tha teachdaireachd gaoil agam dhuit o ’d Athair. Is coma leam cho fad ’s a dh’ fhalbh thu; gabhaidh am Buachaill mòr air ais thu do ’n chrò an nochd. An cuala tu riamh mu neach a chùilsleamhnaich ris nach do ghabh Dia, ’n [TD 147] [MIOS MAIRT, 1879. TD 3] uair a phill e dhachaidh? Chuala mi mu aithrichean agus màthraichean ’s an t-saoghal nach robh toileach gabhail ri ’n cuid mac; ach an urrainn thu innseadh mu aon fhear-cùilsleamhnachaidh riamh a phill le fìrinn dhachaidh, a fhuair diùltadh o Dhia? Bha Sàtan ag innseadh bhreug dhuit mu Dhia; tha thu a’ meas nach gabh e riut air ais. Gabhaidh e riut air an uair ma thig thu. Abair, “Eiridh mi agus theid mi a dh’ ionnsuidh m’ Athar.” Gu-n tugadh Dia dhuit so a dheanamh gun dàil! Labhraim a nis ris an treas seorsa. “Ma ’s ann air éigin a thearnar am fìrean, c’ àite an taisbein an duine midhiadhaidh agus am peacach e fhéin?” A pheacaich, ciamar a dh’ éireas dhuitse? Ciamar a theid thu as? C’ àite am bheil thu?” Am bheil e fior gu bheil thu beò gun Dia ’us gun dòchas ’s an t-saoghal? An do smuainich thu riamh ciod e a dh’ éireadh do ’d anam ’n an tugadh eucail cuirp air falbh gu h-obann thu—c’ àite am bitbeadh tu ’s an t-siorruidheachd? Tha mi a’ leughadh gu bheil am peacach gun Dia, gun dòchas, ’us gun leithsgeul. Mur bi thu air do theàrnadh, ciod e an leithsgeul a bhitheas agad? Cha-n urrainn thu a ràdh gur e Dia a ’s coireach. Tha esan toileach do theàrnadh. Tha uamsa innseadh dhuit gu-m faod thu bhi air do theàrnadh, ma ’s aill leat. Ma tha uait dol seachad o bhàs gu beatha, ma tha uait bhi ’n ad oighre air a’ bheatha shiorruidh, ma tha uait bhi ’n ad leanabh Dhé, cuir romhad an nochd gu ’n iarr thu rioghachd Dhé. Tha mi ag ràdh ribh, air bhonn ughdarrais focail Dhé, nach d’ iarr duine Criosd riamh le ’chridhe nach d’ fhuair e. Cha-n fhac mi duine riamh bha iarrtuinneach air ni a réiteachadh, nacb d’ fhuair a réiteachadh gu luath. Air a bhliadhna so a dh’ fhalbh thàinig cudthrom air an inntinn agam. Tha mi, mar a their iad, ann an làn neart mo latha. Duine a tha aig an aois agamsa, tha e air a’ mhullach a ruighinn, agus tha e a’ toiseachadh air dol sios air an taobh eile. Tha mi a’ labhairt ri mòran a tha air a’ mhullach a nis, agus tha mi ag ràdh riu, mar ’eil sibh ’n ’ur Criosdaidhean, stadaibh agus faicibh c’ àite am bheil sibh. Amharcamaid air ais air an t-sliabh a bha sinn a’ dìreadh. Ciod e a chi sibh? Sud agaibh a’ chreadhail. Cha-n ’eil i fad as. Nach goirid ar là! Is ann mar gu-m b’ ann an dé a thoisich e. Seallaibh air adhart ris an t-sliabh agus sud agaibh an uaigh; is ann an sud tha duslach màthar ionmhuinn ’n a luidhe. An uair a fhuair a mhàthair ud bàs, nach do gheall thu do Dhia gu-n deanadh tu seirbhis da? Agus nach do ghlac thu a làmh aig uair a bàis, agus nach d’ thubhairt thu, “Coinnichidh mi sibh, a mhàthair, ann an nèamh!” Agus an do choimhid thu do ghealladh? Am bheil thu a’ feuchainn r’ a choimhead. Dh’ fhalbh deich bliadhna o sud: cùig deug, theagamh—ach am bheil thusa na ’s fhaisge air Dia? Cha-n ’eil, is ann a cruadhachadh a tha thu; tha an oidhcbe na ’s duirche; a dh’ aithghearr thig am bàs ort. A charaid, c’ àite am bheil thu? Seall rìs. Faic uaigh eile beagan air adhart o sud. Is e leanabh beag a th’ ann. Faodaidh bhi nigheanag laghach—air an robh mar ainm Màiridh; no faodaidh bhi giullan—Tearlach; agus an uair a thugadh an leanabh ud uait nach do gheall thu do Dhia ’us do ’n leanabh gu-n coinnicheadh tu e am flaitheanas? An do choimhid thu an gealladh? Smuainich! Am bheil thu fhathasd a’ cogadh an aghaidh Dhé? Na searmoinean a bheanadh riut o cheann chùig bliadhna,—am bean iad riut a nis? Aon uair eile, seall sios o ’n t-sliabh. Sud uaigh agad; cò leis i? Is e d’ uaigh fhéin a th’ ann. Cha-n ’eil fhios agad cia meud là no bliadhna a tha i as uait. Tha thu ri cabhaig d’ a ionnsuidh. Eadhon ged bhitheadh sibh beò cho fad ri cuid eile, tha mòran agaibh a fàs sean, ’us ’ur falt a’ fàs [TD 148] [MIOS MAIRT, 1879. TD 4] liath. Faodaidh bhi gu bheil do chiste-luidhe ullamh. A charaid, nach cuthach a bhi ’dearmad slainte an anama cho fada? Air an ath sheachduin, bheir am bàs cuideigin leis, faodaidh bhi mise, no faodaidh bhi thusa. Carson a dheanadh sinn dàil latha? Carson a theireadh sinn ri Criosd an nochd, “Imich romhad an tràth so, an uair a bhitheas uine agam, cuiridh mi fìos ort?” Carson nach tigeadh e A NIS? Nach do gheall thu o cheann iomadh bliadhna gu-n deanadh tu seirbhis do Dhia? Tha trì ceuman a dh’ ionnsuidh an t-saoghail chaillte. Bheir mi dhuibh an ainmean. Is e a’ cheud cheum dearmad. Cha-n ’eil aig duine ach slainte ’anama a dhearmad, agus bheir sin a dh’ ifrinn e. Their cuid a dhaoine, “Ciod e a rinn mi?” Ma dhearmaid thu slàinte tha thu caillte. Tha mi air amhainn mhòir ann am bàta beag. Tha eas mòr ann gun a bhi fad as. Caillear neach ’s am bith théid thairis air. Cha ruig mi leas am bàta iomairt; cha-n ’eil agam ach na raimh a tharruing a stigh, mo dha ghairdean fhilleadh ’s a chéile, agus dearmad a dheanamh. Agus ann an sruth na beatha cha-n ’eil aig duine ach a bhi ’n a thàmh, agus siubhlaidh e gu luath chum sgrios. Is e an ath cheum diùltadh. Nam bithinnse air tachairt riut aig an dorus agus a’ cheist so a chathachadh ort, theireadh tu “Leigibh leam an nochd Mhr. Moody;” agus nan abrainnse a rìs, “Tha mi ag iarraidh gu dùrachdach gu-n rachadh tu stigh do rioghachd Dhé,” theagamh gu-n diùltadh tu gu modhail: “Cha bhi mise ’n am Chriosduidh an nochd, gu-n robh maith agaibhse; tha fhios agam gu-m bu choir dhomh, ach cha bhi mi ann.” Is e an treas ceum tàire. Tha cuid agaibh air ceum àrd an fhàraidh. Tha sibh a’ deanamh tàire air Criosd. Tha fuath agaibh do Chriosd ’us d’ a ’aobhar; tha fuath agaibh do na daoinibh a’ s fearr tha ’s an t-saoghal, agus do na cairdibh a s’ fearr a th’ agaibh féin; agus nan robh mise air a’ Bhiobull a thairgseadh dhuibh, reubadh sibh e, agus shaltradh sibh sios e. Oh, a luchd-tàire! cha-n fhad gus am bi sibh ann an saoghal eile. Deanaibh cabhaig, ’us deanaibh aithreachas, ’us pillibh ri Dia. Nis, cò an ceum air am bheil thusa a charaid, ri dearmad, no ri diùltadh, no ri tàire? Cuimhnich gu bheil mòran air an toirt air falbh o ’n cheud cheum. Tha iad a’ bàsachadh ann an dearmad. Agus tha mòran air an toirt air falbh a’ diùltadh, agus tha mòran air a cheum mu dheireadh, a’ deanamh tàire air an t-slàinte. Oh, sibhse a luchd-tàire,tha mi a cur roimhibh beatha agus bàs; cò dhiubh a roghnaicheas sibh? An uair a bha Criosd aig Pilat ’n a làmhan, thubhairt e, “Ciod e a ni mi ris?” agus ghlaodh an sluagh a mach, “Beir uainn, beir uainn, ceus e!” A dhaoine òga, an e sin a’ chainnt agaibhse an nochd? Am bheil sibh ag ràdh, “Beir uainn an soisgeul!” No am bi sibh glic, agus an abair sibh, “A Thighearn’ Iosa, tha mi ’g ad iarraidh, tha feum agam ort, bithidh tu agam?” Oh gu-n tugadh Dia sibh gus a’ chodhùnadh ud! Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 149] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1879. BAILE PHARIS, AGUS SAOTHAIR MHR. M‘ALLA. [Dealbh] THA Mr. M‘Alla, a bha roimhe ’n a mhinistear de na h-Independents ann an Sasunn, an deigh a bhi sé bliadhna ’saothrachadh ’s an t-soisgeul ann am Paris, baile mòr na Frainge. Is e duine làn creidimh agus ùrnuidh a th’ ann; maille ri eud, stuaim, agus féin-àicheamh,—dìreach an duine airson na h-oibre. Air dha bhi ann am Paris, goirid an deigh a’ chogaidh ’s a’ bhliadhna 1870, chaidh e stigh do chafé, tigh ùrachaidh, mu ’n d’ fhàg e. Bha e ’toirt seachad trachdan aig an dorus, ’n uair a bha Mrs. M‘Alla a stigh. Thainig fear-oibre ’us rug e air laimh air, agus thubhairt e, “Nach tig sibh a dh’ innseadh dhuinn mu ’n fhior chreidimh?” Bu leòr na focail ud. Lean iad ri Mr. M‘Alla air a thurus dhachaidh; agus dh’ amhairc e orra mar theachdaireachd o Dhia e thighinn nall a chuideachadh dhaoine bochda Pharis. Dh’ fhàg e a dhachaidh, agus April 1879. “Paris and the M‘All Mission.” [TD 150] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1879. TD 2] le a mhnaoi eudmhor, ghràdhaich, chaidh e a dh’ fhuireach aig Belleville ann aon meadhon nan Communach, daoine as an robh na h-uile neach a’ gabhail eagail. Fhuair e rabhadh ’n an aghaidh mar dhaoinibh fìadhaich; thubhairt iad ris nach robh a bheatha sàbhailt. Ach chuir e roimhe ann an neart an Tighearna gu ’n tugadh e aghaidh do ’n obair mhòir, agus chunnt e an cosgus. Mar sin chaidh e a dh’ fhuireach ’s a chearnaidh bhochd ud de ’n bhaile, am measg dhaoine ’us mhnathan aig an robh an làmhan dearg le fuil, agus le fàileadh a’ phetroleum dhiubh, leis na chuir iad teine ris an lùchairt rioghail. Ghabh e seòmar mar thalla, chuir e mach cuiridhean, agus thionail e, an ùine bhig, àireamh de na daoinibh bochd ud, ’us iad iarrtuinneach air éisdeachd r’ a bhriathraibh, agus ris na laoidhean a bha e ’seinn. Ach fhuair e dorsan eile fosgailte ann am Paris. Bha gairm ’us gairm ann a thainig gu soilleir o Dhia, do ’n d’ thug e freagradh deas o bhliadhna gu bliadhna, agus tha nis da àite thar fhichead aige, air feadh a bhaile, anns am bheil an solus a’ dealradh am measg dhorchadais. Gabhaidh cuid de na seòmraichean da cheud a luchd-éisdeachd, cuid eile ceithir cheud, agus a h-aon diubh cùig cend; agus tuilleadh le dòmhlachadh. Tha àite suidhe ann do 4652. Tha mu ochd mìle dhaoine ’us mhnathan, agus tri mìle de shluagh òg a’ frithealadh gach seachduin. Tha cuid de na coinnimhean ’g an coimhead da uair ’s an t-seachduin, cuid eile na ’s trice; a h-aon aig Ribholi na h-uile h-oidhche. Tha an luchd-éisdeachd de ’n t-sluagh bhochd mar is trice, ach tha cuid de mhuinntir chothromaich ’n am measg an còmhnuidh. Tha aon de na coinnimhean a ’s mò ann am Boulevard Ornano. Dh’ innseadh do Mhr. M‘Alla gu ’n robh na h-uile olc ’s a chearnaidh ud. Ach mar bu mhò a bha de Shatan ann, bu mhò ’fheum air an t-soisgeul. Ghabh e seòmar agus thoisich e. Bha mòran sluaigh ann air a’ cheud oidhche, a thainig le rùn magaidh ’us cur ’n a aghaidh. Ach air an ath oidhche thug e leis Theodore Monod diadhaidh. Thoisich deasboireachd, chuireadh ’n an tosd an luchd-aicheaimh air Dia, agus o ’n uair sin bha coinnimh Ornano mòr, agus taitneach thar càch. Cumaidh an talla 600, agus mar a ’s trice tha e làn. Tha an obair a’ cinneachadh. Ciod e a tha ’tarruing dhaoine ann o là gu là, luchd-oibre Pharis ’n am miltibh, a b’ abhaist bhi air am meas gun suim do ni air bith, ach do ghòraich ’us do fhala-dhà. Is e tha ’g an toirt ann, An seann, seann sgeul Mu Iosa ’us a ghràdh. B’ àbhaist doibh a bhi ’meas nach robh spéis aig daoinibh ’s am bith dhoibh, mur b’ ann gu coire fhaighinn doibh, no an car a thoirt asda. Bu ni ùr dhoibh a chluinntinn, ’n uair bha am Biobull agus an coguisean féin ’g an dìteadh, “An so gu-n robh gràdh, cha-n e gu-n do ghràdhaich sinne Dia, ach gu-n do ghràdhaich esan sinne, agus gu-n do chuir e a Mhac féin gu bhi ’n a iobairt-rèite airson ar peacaidhean.” (1 Eoin iv. 10.) Agus bu ni ùr dhoibh a chluinntinn gu-n robh an gràdh so do Dhia, air dha àite fhaighinn anns a’ chridhe, trid creidimh, comasach air gràdh a’ pheacaidh a chlaoidh, agus an deanamh ’n an “creutairean nuadha.” Faodaidh am beagan eachdraidh a leanas innseadh, am measg nithean eile, gu bheil soisgeul Chriosd, eadhon ann am Paris dorch, mifhoistinneach, fhathast “n a chumhachd Dhé chum slàinte dhoibhsan a chreideas.” Tha aon de ’n luchd-saothrachaidh a’ sgriobhadh, “Chuir seana bhean agus a mac mòr aoibhneas orm. Tha iad a’ taghall nan coinnimhean o cheann bliadhna gu leth, agus tha iad a ’toirt fìanuis air a’ bheannachd a fhuair iad ann an Criosd. Tha am mac ag ràdh: ‘Faic na rinn e air mo shon. Tha Slanuidhear iomlan agam! Cha chuir ni air bith eagal orm, oir coimhididh Dia mi. Tha fios agam [TD 151] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1879. TD 3] gu bheil gràdh aige dhomh,—is leòr sin dhomhsa. B’ fhad bha uam aithne a bhi agam air an fhìrinn, fhuair mi nis e. Cha-n ’eil comas labhairt agam; nam bitheadh, dh’ innsinn do dhaoinibh eile an sonas a fhuair mi!’” “’N uair a bha neach de ’n luchd-saothrachaidh là a’ seasamh aig àite-reic leabhraichean air a Quai, bhean neach r’ a ghualainn. Thubhairt duine òg nach d’ aithnich e, ‘Am bheil an leabhar so mu fhaidheadarachd fiùdhail?’ ‘Cha-n ’eil fhios agam,’ ars’ esan. ‘Ach is aithne dhomhsa sibhse, agus tha mi ’n ’ur coman airson na chuala mi uaith aig na coinnimhean.’ ‘Cò na coinnimhean?’ ‘Aig Belleville’ (mìltean air falbh). Dh’ innis e an sin gu-n deachaidh aon oidhche cuireadh do ’n choinnimh aig Rue de Belleville a chur ann an laimh ’athar. Leugh e na bha sgriobhta, agus fhuair e, ‘Tha cairdean Sasunnach agus Frangach ag iarraidh bruidhinn ribh mu ghràdh Iosa Criosd.’ ‘Gràdh Iosa Criosd!’ ars’ esan r’ a mhnaoi. ‘Feumaidh sinn dol a chluinntinn ciod e a th’ ann.’ ‘Nis,’ ars’ an duine òg, ‘tha m’ athair agus mo mhàthair agus an teaghlach uile ’dol ann, cho tric ’s a ’s urrainn iad; agus na ’s mò na sin, tha sinn air dùineadh stigh ri Criosd mar ar Slànuidhear.’” Thug duine bochd an aire do cho sona ’s a bha cuid de na coimhearsnaich aideachail aige, agus dh’ fhoighnich e ciod e rinn cho sona iad, eadhon am measg trioblaid. Thubhairt iad gur e aithne air maitheanas peacaidh a bhi aca, agus gur ann ’s a choinnimh a fhuair iad sìth. Thòisich an duine e fhéin air dol do ’n choinnimh, agus dhùisg a choguis air, oir bha e beò ’s a’ pheacadh. Air an rathad dhachaidh, thubhairt e tric ri —— “Is duine caillte mi; cha-n ’eil maitheanas ann dhomh; cha-n ’eil, cha-n ’eil.” Dh’ fhuirich e aon oidhche le —— gus an robh meadhon-oidhche ann, a’ glaodhaich “Tha mi caillte!” Thubhairt —— ris, “Nan creideadh tu gu-n do bhàsaich Criosd chum do pheacaidhean a ghlanadh air falbh, bhitheadh tu air do theàrnadh. Gabh ri maitheanas o Dhia, agus tréig do pheacadh, agus bithidh tu sona.” “Ach cha b’ urrainn mise mo pheacadh a thréigsinn,” ars’ an duine bochd. “Dean ùrnuidh ri Dia agus bheir e neart dhuit chum a dheanamh,” ars’ ——, ag iarraidh air earrainnean a leughadh far am bheil Dia ag ràdh, an neach a chreideas, ann an Criosd gu-n teàrnar e. Beagan an deigh sin ghabh e ris an fhìrinn. Dhealaich e ris a pheacadh mar a chuilbhrionn, agus bha e sona, mar dhuine de ’n do thuit eallach mòr. “Tha Madame —— ’n a seana bhean bhochd, a bha fad a’ frithealadh na coinnimh ’us a mac leatha. Bha a h-inntinn fada dorch, agus fhuair a’ bhean chòir, a bha ’dol timchioll leis a Bhiobull ’g a leughadh, e ’n a ni do-dheanta a smuaintean a thogail os cionn cùraman agus trioblaidean an t-saoghail, air an robh i a ghnàth a’ gearan. Ach aon là thug i leatha leabhar beag le earrainnean de ’n fhìrinn air an cur sios ann, ro shimplidh, le litrichean mòra, ag iarraidh oirre fheuchainn r’ a leughadh i fhéin. An ath uair a ràinig i, an àite nan seann ghearan, is ann a fhuair i an seana bhoirionnach gu suilbhir, agus cha robh focal aice ach mu ’n leabhar bheag. An uair a chual’ i gu-m faodadh i a chumail, phòg i e le gairdeachas, ag radh, ’Is e so Leabhar nan leabhar. Cha chreid mi gu bheil aon eile coslach ris. Is e Dia féin a tha ’labhairt o thoiseach gu a chrich.’ Là eile thubhairt i, ‘Theagamh gu-m bi sibh ’n ’ur meadhon air mise thoirt do fhlaitheanas, o ’n is ann uaithe a fhuair mi an leabhar beag a tha ’g am sheòladh air an t-slighe.’ An uair a dh’ fhoighnicheadh dhi an robh i cinnteach gu-n rachadh i do fhlaitheanas, thubhairt i ‘Cha-n ’eil fhios agam; tha eagal orm gu-m faod mi bhi ’g am mhealladh féin, tha mi ro pheacach!’ Tha an leabhar beag nis cho caithte ’us cho dubh, nach mòr gu-n gabh e a leughadh ach tha i nis cho eòlach air na focail, air a cuimhne, nach ruig i leas am faicinn.” [TD 152] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1879 TD 4] Bha neach eile a fhritheil a’ choinnimh Ornano, agus a thainig gu eòlas na fìrinn o cheann ghoirid ag ràdh, “Cha tugainn mo chreidimh ann an Iosa airson saoibhreis an t-saoghail Tha mi bochd, ach tha mi a’ meas nam bithinn air m’ fhàgail gun aon ni agam ach am Biobull—agus mo ghloineachan—bhithinn fhathast ro shona. Is e m’ aon eagal a nis gu-n tuit mi anns a’ pheacadh, eadhon ann an smuain.” “Thréig Mme.—,bean bhochd a dh’ fhairich, mar a thachair do ’n duine air an robh iomradh, mòr amhghar an deigh dhith an soisgeul a chluinntinn, am peacadh, agus ghabh i ri maitheanas, an deigh dhith bhi a’ strì fad dhà no cùig miosan deug an aghaidh an nàmhaid nach dealaich ris a’ chreich ma ’s urrainn e. Is obair iongantach a h-iompachadh. Mu ’n d’ thainig i a dh’ ionnsuidh nan coinnimhean, cha robh uiread ’us fios aice gu-n robh anam neobhàsmhor aice, no gu-n robh Dia ann a bheireadh aire dhith. Dh’ òl i stigh aingidheachd mar uisge; ach is leanabh a nis i air a deanamh réidh ri a h-Athair neamhaidh. Thubhairt i riumsa o cheann ghoirid, ‘O Madame, tha mi cho truagh ’n uair a thig am buaireadh: agus ’n uair a tha mi fad as o Dhia, is mòr mo bhròn! Agus cia mòr m’ aoibhneas ’n uair a gheibh mi rìs e! Oh, bu mhaith leam gu-m bitheadh na h-uile neach cho sona riumsa!’” Tha e air innseadh mu cheann-cinnidh de na h-Innseanaich dearga a bh’ ann uaireigin, gu-n d’ thainig soisgeulaiche air thurus d’ a ionnsuidh ’us e air leabaidh a’ bhàis. Fhuair e gu-n robh an duine ’n a Chriosduidh. Air dha bhi air fhoighneachd dheth cia fad an ùine o chreid e ann an Criosd, is e thubhairt an t-Innseanach “Riamh o chuala mi m’ a dhéighinn an toiseach.” Is ann ri so a bha creidimh na muinntir iompaichte ann am Paris cosmhuil, air an d’ rainig an soisgeul mar ni nach cual’ iad riamh roimhe. Ach nach ’eil aobhar eagail ann gu bheil miltean a leughas an trachd so, agus a chuala mu thimchioll na slainte fad am beatha, a tha gus an uair so cho falamh de Chriosd ’us ged nach d’ thainig e riamh a dh’ ionnsuidh an t-saoghail? Is e soisgeul Chriosd an solus. Dhoirt e mach a sholus air Paris: agus tha an solus ceudna aige airson pheacach ’s na h-uile àite. Is e soisgeul Chriosd saorsainn. Tha e a’ briseadh slabhraidh an uile a cheangal clann nan daoine. “Bithidh eòlas agaibh air an fhìrinn, agus ni an fhìrinn saor sibh.” Is e an soisgeul sìth. Is e deagh naigheachd na sìthe, a thugadh stigh air Calbhari o cheann 1800 bhliadhnachan, airson pheacacb. Rinneadh i leis an fhuil a dhoirteadh an sin; fuil an neach air an do leigeadh smachdachadh ar sìthe. Thug an soisgeul so leis sìth do iomadh anam truagh ann am Paris, agus tha an ni ceudna aige do gach neach a leughas na briathran so. Le sìth thig naomhachd agus fìreantachd. Oir atharraichidh an t-sìth a lionas an t-anam an duine gu léir, a’ deanamh na h-uile ni nuadh. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 153] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. AN CEITEAN, 1879. AN RANNSACHADH AGUS AM BREITHEANAS. [Deabh] THOISICH rannsachadh ro chudthromach, air cùise dhaoine àraidh, ann an Duinéidin, air an fhicheadamh là de cheud mhios na bliadhna. Bha seachnar dhaoine am fianuis na cùirt. Thainig Banc Baile Ghlasgo air an robh iad ’n an luchd-riaghlaidh, gu stad-pàighidh, agus bha miltean air an toirt gu bochduinn. Bha nitheau cho mòr an crochadh ri sud, bha na daoine cho measail roimhe, agus bha an call a rinn iad cho comharraichte, ’us gu-n robh na h-uile suil air na priosanaich, agus na h-uile teangaidh a’ bruidheann mu ’n déighinn, fad an da là dheug a bha an rannsachadh a ’dol air adhart. A leughadair, dh’ fheudadh tusa ’bhi ag amharc air na bha ’dol air adhart anns a’ chùirt ud, le ’d inntinn, ged nach fhac thu le ’d shuil e. An seall thu leamsa car ùine ghoirid ri rannsachadh eile anns am bi thusa May 1879 “The Trial and the Sentence.” [TD 154] [AN CEITEAN, 1879. TD 2] am fianuis na cùirt? Eisd ri cuid de bhriathraibh Dhé mu, I. AN RANNSACHADH.—Tha e cinnteach. “Tha e air orduchadh do dhaoinibh bàs fhaotainn aon uair ach ’n a dheigh so breitheanas.” (Eabh. ix. 27.) Tha an uair air a chomharrachadh, “Shuidhich e là anns an toir e breth air an t-saoghal.” (Gniomh. xvii. 31.) Cia cho farasda ’s a tha e dhuinn ni a tha gu tachairt a ghabhail a stigh, ’n uair tha an là air a shon air a shuidheachadh! Mata, tha an là air a shuidheachadh ’s an seas sinne an làthair Dhé chum breitheanais. Tha gach la ùr ’g a thoirt na ’s fhaisge oirnn: tha na h-uile tràth bìdh tha sinn ag itheadh ’g a thoirt na ’s fhaisge oirnn. Cha ghabh e seachnadh. Tha an là suidhichte. II. AM BREITHEAMH.—Is uamhasach an ni lagh dhaoine an uair a tha breitheamh ’g a charamh ri cùisean. Tha am breitheamh a’ suidhe gu stolda air a’ chaithir. Cha sìn e gairdean a mach. Gidheadh thig na priosanaich roimhe; fanaidh iad an sin uair an deigh uaire, là an deigh latha, gus an toir na fianuisean am fianuis seachad, gus an toirear a’ bhreth air an cionta, agus an toirear a mach a’ bhinn. Cha mhaith leo bhi ann,—bu docha leo teicheadh,—ach tha iad ann. Carson? Rinn an lagh greim teann orra; agus tha e ’g an toirt am fianuis a’ bhreitheimh agus ’g an cumail an sin. Aig a bhreitheanas gus am bheil sinn a’ dol le cabhaig is e Iosa Criosd am Breitheamh; agus tha e an sin le uile neart lagh Dhé aig mar armachd. Chithear Criosd mar am Breitheamh ann an glòir a chumhachd—ann an glòir ’Athar. “Agus suidhidh e air caithir a ghlòire.” “Bheir e breth air an t-saoghal leis an Duine sin a chomharraich e;”—Duine, an Dia-Duine, is e am Breitheamh;—agus “china h-uile suil e.” (Taisb.i.7.) III. AN DREAM A THEID FHEUCHAINN.—Is e na daoine bha roimh na chùirt a thug air mòran bhi air an togail leis an rannsachadh a bh’ ann o cheann ghoirid. Dh’ iarr na h-uile neach am faicinn. An do smuainich na daoine a bha ag amharc air na priosanaich ud, gu ’n robh iad fhéin ’tarruing dlù do bhreitheanas? Beagan roimh sud theireadh an seachdnar ud gu-n robh e ’n a “Ni do-dheanta!” nan abradh neach air bith gu-m bitheadh iad roimh na chùirt mar phriosanaich air an là ud; ach bha e fior. Mar sin is éigin duinn uile taisbeanadh aig caithir a’ bhreitheanais. “Cruinnichear ’n a làthair-san na h-uile chinnich,” (Mat. xxv. 32;) “Seasaidh sinn gu léir am fianuis caithir-breitheanais Chriosd,” (Rom. xiv. 10;) “Chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, ’n an seasamh am fianuis Dhé.” (Tais. xx. 12.) “Air an aobhar sin bheir gach aon againn cunntas uime féin do Dhia,” (Rom. xiv. 12;) “Chum gu-m faigh gach neach na nithean a rinn e ’s a’ choluinn.” (2 Cor. v, 10.) Cò iad a theid ’fheuchainn an sud? Theid na h-uile ginealach, fine, agus dath. Ach gach aon leis fhéin. Theid ar rannsachadh cha-n ann mar theaghlaichean, air chor us gu-n sàbhalar a’ chlann le maitheas am pàrantan; no mar chinneach; no mar eaglaisean; ach gach neach leis fhéin. Is ann a tha e, gu-m fairich gach neach ’s a’ chuideachd mhòir ud, gu bheil gnothuch aige air leth ris a’ Bhreitheamh. IV.NA LEABHRAICHEAN.—Ag an rannsachadh a bh’ ann o chionn ghoirid, bha e air a radh, “gu-n robh uallach eich de leabhraichean agus phaipeirean air bord na cùirt air son fianuis a thabhairt.” Bithidh sgriobhaidhean aig a’ bhreitheanas mhòr. Taisb. xx. l2: “Dh’ fhosgladh na leabhraichean; agus dh’ fhosgladh leabhar eile eadhon Leabhar na Beatha: agus thugadh breth air na mairbh as na nithibh sin a bha sgriobhta ’s na leabhraichibh.” Cò na leabhraichean a dh’ fhosglar? 1. Leabhar Eòlais agus Cuimhne Dhé.—“Bha leabhar-cuimhne air a sgriobhadh ’n a làthair.” (Mal. iii. 16.) Cia beag ’s a smuainicheas sinne gu bheil na gniomharan againn air an [TD 155] [AN CEITEAN, 1879. TD 3] sgriobhadh ann an leabhar, na h-uile là ’us uair, agus nach teid aon ni air diochuimhne. Cha dhubhar focal a mach, cha bhi focal air a chur sios air aon mhodh agus focal air mhodh eile; agus gheibhear na h-uile gniomh ann leis a’ chrioch a bha aig neach ann a dheanamh, agus an toradh a lean e,—na h-uile gniomh air a chothromachadh ’us air a thomhas, le solus, agus sochairean, agus dearbhaidhean an neach a rinn e. 2. Leabhar Cuimhne agus Coguis an Anama.—“Bheir Dia gach obair chum breitheanais, maille ris gach ni diomhair.” Is iongantach an leabhar ar cuimhne! Tha e air a sgriobhadh gu mion, agus leughar iomadh duilleig ann gu furasda leinn, agus tha iad air an leughadh; ach tha iomadh beairn ann,—duilleagan agus mòran dhuilleagan, far am bheil an sgriobhadh air dubhadh as. Mar a bheir solus no teas am fradharc nithean a bha air an sgriobhadh le dubha neo-fhaicsinneach, mar sin bheir là a’ bhreitheanais nithean foluichte gu solus—lionar na h-uile bearn. 3. Leabhar na Beatha.—“Dh’ fhosgladh leabhar eile”—àireamh a dh’ ainmean dhaoine. “Ainmean!” their thu. “Cha mhòr brìgh tha an sin! Seallamaid air adhart.” Ach farraid de ’n mhnaoi oig tha an sin: bha an duine aice ’s a’ chath, agus a nis tha i ’sealltuinn air ainmibh nam marbh agus nan leonta. Innis dhi nach eil brìgh ’s na h-ainmibh, ma leigeas do chridhe leat. Nach d’ rinn sinn uile, o cheann bheagan ùine, amharc le cùram agus le h-eagal, air sreath brònach de dh’ ainmibh—ainmean a dh’ innis mu fhulangas agus mu chall—call iomlan faodaidh bhi? Agus nach do leagh ar cridhe ’n uair a chunnaic sinn ainmean luchd-eòlais, ’us luchd-gràidh,—no faodaidh bhi na h-ainmean againn féin an sin? Ach ciod e tha an sin uile an coimeas ris na h-ainmean sgriobhta aig Dia? Air an aon laimh, tha e air innseadh dhuinn gu-n teid “an dream a tha sgriobhta ann an leabhar-beatha an Uain” “a stigh troimh na geataibh do ’n bhaile,” (Taisb. xxi. 27;) agus air an laimh eile cia b’ e air bith nach d’ fhuaradh sgriobhta ann an leabhar na beatha, thilgeadh e ’s an loch theine. Am faod e bhi gu bheil thu iarrtuinneach air d’ ainm a chumail á àireamh nan leonta, nan reubta, nan creachta, nam marbhta ’s an t-saoghal, agus gu bheil thu gun chùram mu cò dhiubh a tha d’ ainm sgriobhta air neamh no nach ’eil? V. NA FIANUISEAN.—Cò iad sin? Faic iad a’ feitheamh! Aireamh mhòr. Na h-uile h-aon a dh’ aom thu riamh chum uilc,—anaman a chuir thu o chùram le d’ fhochaid. Bithidh Satan ’n a fhianuis. Bithidh Criosd fhéin ’n a fhianuis. Their e ris na h-uile h-anam gun tearnadh “Cha b’ aithne dhomh riamh thu.” A leughadair! An abair e sin RIUTSA? An uair a bha luchd-riaghlaidh Banca Ghlasgo ’g am feuchainn, bha fìanuisean ann a thubhairt, “B’ aithne dhomh e, bha meas agam air, bha mi tric ’n a chuideachd.” Ciamar a tha e eadar sibhse ’us Criosd, a nis? An aithne dha sibh mar a chuid féin? An robh gnothuch dlù agaibh ris, a’ gabhail uaithe ’us a’ toirt da? Am bheil sibh cho tric ’n a chuideachd nach urrainn e ràdh ribh, ’us nach abair e ribh, “Cha b’ aithne dhomh riamh sibh?” Ma tha is cinnteach gur aithne dha sibh. Ach, air an laimh eile, ma tha ’ur cridhe a’ tionndaidh uaithe gu h-uaigneach,—ma tha e suarach agaibh,—ma ’s maith leibh e bhi as ’ur sealladh,—ma leanas sibh mar sin, nach cinnteach gu-n abair e ribh, “Cha b’ aithne dhomh riamh sibh?” Bithidh fianuisean air an taobh eile. Tha sinn a’ leughadh “gu-n dealraich iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur,” (Dan. xii. 3;) gu-n “dealraich na fìreana mar a’ ghrian,” (Mat. xiii, 43;) gu-m bi an “corp dìblidh” so air a dheanamh “comh-chosmhuil ri a chorp glormhor féin,” (Phil. iii. 21;) gu-m “bi sinn cosmhuil ris.” (1 Eoin iii. 2.) Nach bi e furasda an sin deal- [TD 156] [AN CEITEAN, 1879. TD 4] achadh a chur eadar na fìreana agus na h-aingidh? Nach bi sgarachadh ann gus an laimh dheis ’us chlì le uamhas, nàire, eagal, caoidh air an aon laimh; leis a’ “chorp ghlòrmhor.” an aoibhneas, coslas Iosa, an “dealradh mar a’ ghrian,” air an laimh eile? VI. A’ BHINN.—“Thigibh, sibhse tha beannaichte le m’ Athair.” “Imichibh uam, a shluaigh mhalluichte, a dh’ ionnsuidh teine shiorruidh.” Smuainichibh air na focail ud, “Thigibh,” “Imichibh,” agus air na tha air fhilleadh annta. Am bheil an dà bhinn ud neo-fhreagarrach do chor nan daoine ud air leth? “THIGIBH” ars’ Iosa. Agus nach ’eil am focal “Thigibh” o ’n chaithir-breitheanais, n’ a thoradh air an tighinn a bh’ ann roimhe—crioch chomharraichte beatha dhaoine a fhuaireadh a reir cainnt Pheadair “A teachd d’ a ionnsuidhsan?” (1 Pead. ii. 4.) Agus an “Imichibh uam” uamhasach, ciod e a th’ ann ach seula Dhé ri ’ur roghainn féin, ’ur n-imeachd lathail, mhionaideil, bhidheanta uaithe? Gheibh gach neach a reir a roghainn, ach gur ni eile e nis, agus cha-n ’eil leigheas air. Eisdibh ris an fhocal, “Thigibh;” tha e uamhasach ’n a aoibhneas do-labhairt, dhoibhsan a chluinneas e. Ach is e an seann fhocal cumanta. Anns an fhìrinn tha Iosa a’ sior ràdh, “Thigibh.” Ann ’ur cridheachaibh chuala sibh e ag ràdh, “Thigibh.” Theagamh gur ann ’n uair bha sibh ’n ’ur leanabaibh, theagamh gur ann ri linn bròin. An d’ thug sibh umhlachd dha? An “d’ éirich sibh, agus an deachaidh sibh ann? “Am bheil sibh a’ tighinn a nis gach là gu Criosd? “Imichibh uam., sibhse a tha mallaichte.”—Carson a tha Iosa ag ràdh, “Imichibh uam?” Airson an uair a thubhairt e riusan “Thigibh,” gu-n do theich iad. Am bheil droch cridhe a’ mhichreidimh annaibh a ’dol air seacharan o ’n Dia bheò? (Eabh. iii. 12;) thugaibh an aire mu ’s abair e “Imichibh uam.” Am bheil sibh a’ tionndadh ’ur culthaoibh ri Dia, agus cha-n e ’ur n-aghaidh? (Ier. xxxii. 33;) ma tha, gu cinnteach is e their e ribh ! “air an là sin,” “Imichibh uam!” “Agus imichidh iadsan.”—Seallaibh a rìs air an rannsachadh an Duinéidin. Tha breth air a thoirt. Tha an oidhche fhad, mhifhoistinneach, seachad. Tha a’ bhinn air a toirt a mach. Tha an dorus air fhosgladh ’s an urlar, agus tha iad ’dol á sealladh. Tha na daoine sin ris an robh an sluagh a’ sealltuim agus air an robh iad a’ bruidheann cho fad ag imeachd air falbh, sios an staidhir, gu eideadh a’ phriosain, càramh a’ phriosain, companas a’ phriosain, aonarachd a’ phriosain, gun tilleadh. Tha iad ag imeachd—á sealladh, ach beò—á sealladh, ach le ’n cuimhne aca; dealradh na h-aimsir a dh’ fhalbh a’ deanamh dorchadas na h-aimsir a tha làthair na ’s duibhe. Nach ’eil e a’ labhairt ruinne mu ’n chuideachd ud air an laimh chlì, “Imichidh iadsan!” Cia mòr an sonas o ’n imich iad! Cia mòr an dorchadas truaigh, bròin, ’us lèirsgrios? Cha tigeadh iad chum Iosa airson beatha—agus imichidh iad uaithe. A leughadair, an urrainn e bhi gu-n imich THUSA uaithe? Nar leigeadh Dia! Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 157] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1879. TEACHDAIRE BEAG NA SITHE. [Dealbh] See page 2. ANN an aon de dh’ iomallaibh mu thuath Lunnuin, o chionn beagan bhliadhnachan, bha seapal beag, a thogadh chum feum na muinntir a bha fad as o sheann eaglaisibh a’ bhaile. Bha e ’n a àite taitneach. Bha na daoine leis am bu mhaith bhi dlù do na h-achaidhean glasa, agus duilleagan nan lios, fada gu leòr air falbh o na sràidibh tioram, agus bha na dh’ fhoghnadh de cheannaichean beaga timchioll, chum ullachadh mu choinnimh an uireas-bhuidhean laitheil. Bha an coimhthional a fhritheil air an t-Sàbaid ’s an t-seapal, ’n an sluagh a bha cuid diubh beò gu goireasach air na chaomhain iad, agus cuid eile a’ gleidheadh nam bùthan beaga a bha ri ’m faicinn an sud ’us an so, am measg nan tighean eile. Bha a’ chuid de ’n choimhthional a bha air an aideachadh mar bhuill eaglais a’ cleachdadh a bhi ’cruinn- June 1879. “A Little Messenger of Peace.” [TD 158] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1879 TD 2] eachadh chum cochomunn spioradail. Aig na coinnimhean sin dh’ iarr am ministear air daoinibh a bhi ’labhairt, aig an robh focal earail no misnich do ’n co-chreutair. Air aon fheasgair Sàbaid sheas duine mòr, maiseach, ann an deagh uidheam, suas. Air a dhara laimh sheas a bhean, agus air an laimh eile a leanabh, leanabh suilbhir, taitneach. ’us bha e le a laimh air gualainn an leinibh. Dh’ éisd an sluagh le aire ris na thubhairt e, ’us bha e mar so.— “Is aithne dhuibh uile mise, tha mi am beachd. Is aithne dhuibh na bha mi o chionn ghoirid—’n am cheannaich an so a bha ’cumail a bhùth fosgailt air an t-Sàbaid. B’ àbhaist domh dhol a mach air maduinn na Sàbaid le mo chairt, agus bha aig mo mhnaoi ri fuireach aig an tigh, agus an aire thoirt air a’ bhùth. Theireadh daoine rium gu ’m b’ olc e—gu ’m bu mhòr am peacadh bhi ’briseadh na Sàbaid mar sud; ach b’ àbhaisd domhsa a ràdh riu, ‘Cha d’ orduicheadh an t-Sàbaid, ach airson an Iudhaich, agus cha-n Iudhach mise.’ An sin dh’ innseadh iad dhomh mu’ n t-Slànuidhear—mar a thubhairt e ‘Rinneadh an t-Sàbaid airson an duine,’ (Marc. ii. 27,)—cha-n ann a mhàin airson an Iudhaich, ach airson an duine, airson maith an duine, chum ’us gu-m bitheadh e maith, agus gu-n cleachdadh e an là chum aoradh Chriosd, neach is e ‘Tighearn na Sàbaid.’ (Marc. ii. 28.) An sin dheanainn gàire, oir bha mo chridhe cruaidh, agus theirinn ‘Ma ta, a thaobh aoraidb, is éigin domh sin ’fhagail agaibhse o ’n is maith leibh e; ach air mo shonsa, is éigin domh obair a dheanamh, is éigin an obair a chuimhneachadh, Sàbaid ann no as. Agus theirinn, bu mhaith leamsa thuigsinn, ’cia mar a bhitheadh sibhse gun am bathar agamsa aig ’ur dinneir air an t-Sàbaid? Cha-n eil ceisd oirbh mu ciamar a thig e, ma gheibh sibh ùr e na h-uile maduinn Sàbaid, an uair tha sibh féin aig an aoradh. Fàgaidh sibh an t-searbhanta gu a thoirt a stigh, agus cha mhòr buannachd bhitheas ’s an aoradh, ’n uair a tha sibh ’cur an neo-shuim peacaidhean dhaoine eile, no a’ caitheamh air an t-Sàbaid toradh saothar dhaoine eile.’ “Ach, an uair a bhithinnse mar so, le magadh, a’ freagradh aon neach, theireadh neach eile rium gu-n deachaidh an Slànuidhear beannaichte, an deigh dha obair na saorsa a chriochnachadh, ‘stigh d’ a shuaimhneas, amhuil mar a rinn Dia,’ (Eabh. iv. 10;) agus gu-n d’ thainig là ’aiseiridh o na mairbh, ’n uair a choimhlionadh ’obair, gu bhi ’n a là naomh aig na deisciobluibh; agus dh’ innis iad mar a choimhid iad ‘ceud là na seachduin’ mar Shàbaid, no mar an seachdamh là, ‘Là an Tighearna;’ agus mar a tha ‘Sàbaid ann do phobull Dhé,’ (Eabh. iv. 9,) gus an criochnaichear obair na beatha so, agus an toisich Sàbaid air nach tig crioch. “Ach cha robh buaidh air na thubhairt iad; bha e mar cheò dhomhsa,—a’ falbh gun lorg ’fhagail. ‘Ro mhaith, theirinn, dhuibhse a tha ’meas gur sibh pobull Dhé. Faodaidh sibhse fois a ghabhail, fhad ’s is fiosrach mise; ach tha an obair agamsa cho maith ris an fhois agaibhse, agus oibrichidh mi.’ Oh, cruas mo chridhe! “Air uairibh, bhitheadh coimhearsnach ro throm orm le, ‘Cuimhnich là na Sàbaid a choimhead naomh,’ (Ecs. xx. 8-11,) agus dh’ fhoighicheadh iad dhiom ciamar a b’ urrainn mi a diochuimneachadh mar àithne mu ’n d’ thubhairt Criosd gu-n d’ thainig e ‘chum a coimhlionadh ’us cha-n ann chum a briseadh.’ (Matt. v. 17.) ‘Nach ’eil fhios agad,’ theireadh iad, ‘gu bheil ùghdarras aig na deich aitheantaibh air na Cinnich cho maith ris na h-Iudhaich,—nach ’eil na ’s mò a chòir againn an t-Sàbaid a bhriseadh no bhi ag iodhol-aoradh, no ainm Dhé a thoirt an diomhanas, no easùmblachd a thoirt do phàrantaibh, no mort, no adhaltranas a dheanamh, no goid, no fianuis bhréige, no na bhuineas do ’r coimhearsnachd a shanntachadh?’ [TD 159] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1879. TD 3] “‘’Seadh, ’seadh, is aithne dhomh, ’is e thubhairt mi. ‘Ach carson a bhitheadh sibh a bruidheann rium-sa mu aon àithne, agus sibh a’ diochuimhneachadh àithne eile? Nach ’eil dia agaibh ach a h-aon, sibhse a tha fad shé laithean na seachduin gun ni ’n ’ur cridhe ach buannachd ’us toilinntinn an t-saoghail? Am bheil sibh cinnteach nach ’eil an doigh a th’ agaibh ann ’ur gnothuch aimsireil a dheanamh, na ’s coslaiche ri goid na ri onoir? No nach ’eil sibh tuilleadh ’us saor ann an cleachdadh air ainm an Tighearna? No nach d’ thug sibh sùil shanntach riamh air cuid ’ur coimhearsnaich? Tha mise am beachd nach ’eil sibh cho suaimhneach ann ’ur smuaintibh air an t-Sàbaid, no cho saor o chùram an t-saoghail ann ’ur cridhe ’s a tha sibh a’ gabhail oirbh a bhi.’ “Mar sin dh’ fheuch mi ris gach neach a gheibheadh coire do ’m pheacadh a chumail dhiom. Cha leiginn leo beantuinn rium. Bha mi coma. Bha mo choguis a’ cruadhachadh. Is urrainn mi a thuigsinn a nis mar a b’ àbhaisd da bhi ’n a thrioblaid do ’m mhnaoi. Bha gràdh agam do ’m nighinn bhig, ach cha-n fhac mi an call a dheanadh mo dhroch eisempleir dhi. Chunnaic mo bhean e agus rinn i na dh’ fhaodadh i chum a tearnadh le bhi ’g a cur do ’n sgoil-shàbaid. Bheanadh ri mo chridhe mu dheireadh agus innsidh mi dhuibh ciamar. “An uair a dhùineadh am bùth air feasgair na Sàbaid, bu mhaith leam mo nighean bheag a thogail air mo ghlùn. Bha mi aon fheasgair a cluicheadh le a folt ’n uair a sheall i rium le gnuis aingil oirre, agus thubhairt i,— “‘Athar, cha-n ’eil gràdh aig Dia dhuibhse, am bheil?’ “‘Carson nach bitheadh, a ghràidh?’ “‘Airson gu bheil am bùth agaibh fosgailte air an là aige; nach ’eil sibh a’ gabhail foise sibh féin, no toirt foise do ’m mhàthair.’ “Chaidh na focail mar chlaidheamh troimh mo chridhe. Cha chuala mi argumaid riamh cosmhuil ri sud; thug na briathran mo neart uile uam. Bha iad mar gu-m bitheadh iad ’n am meadhon air m’ anam uile fhosgladh ’n a fhianuis féin. Nach bu mhi am peacach gun fhois! Oh, na briathran ud o ’m leanabh—‘Nach ’eil a’ gabhail foise sibh féin, no ’toirt foise do ’m mhàthair’—bhuin iad rium gu goirt!—bha iad mar gu-m bitheadh iad ag ràdh, ‘Tha thu a’ goid uait fhéin do chomhfhurtachd le bhi ’briseadh àithne Dhé; ach carson a ghoideadh tu o fheadhain aig am bheil gràdh dhuit coir agus sochair na Sàbaid?’ Chunnaic mi an sin mar a tha fear-brisidh na Sàbaid a’ meudachadh truaighe, le bhi ’milleadh na Sàbaid aig na h-uile neach tha timchioll air, agus mar sin ’tighinn eadar a choimhearsnaich agus a chòir, le bhi ’saltradh air lagh Dhé; cha-n ann a mhàin ag iarraidh bhi saor o sheirbhis Dhé e fhéin, ach gu mi-cheart a’ cumail dhaoine eile o seirbhis a dheanamh do Dhia ann an sìth. Leòn briathran an leinibh mi, ach leagh iad mo chridhe. Dh’ fhairich mi na deòir a tighinn, ’us thubhairt mi, mar a phòg mi an leanabh, ‘Bithidh am bùth air a dhùineadh air an ath Shàbaid, a ghràidh.’ “Thàinig an t-Sàbaid. Cha d’ fhosgladh am bùth; ni mò dh’ fhosgladh e air Sàbaid o sin gu so. An uair a thainig an dara Sàbaid, cha robh fhios agam ciod e a dheanainn. Bha mi truagh. Chaidh mi mach do na h-achaidean, agus ghabh mi ceum timchioll, gun suaimhneas agam. M’ fheasgair thog mi mo leanabh rìs air mo ghlùn, agus an ceann beagan ùine sheall i rium agus thubhairt i, “‘Athar, cha-n ’eil gràdh aig Dia dhuibh, am bheil?’ “‘Carson nach bitheadh, a ghraidh?’ “‘O nach ’eil sibh ’dol a dh’ ionnsuidh a thigh.’ “Is e bha an so buille an deigh buille. Mar a b’ urrainn mi, thubhairt mi, “‘Theid mi ann air an ath Shàbaid, a ghraidh. An teid thusa leam?’ “‘Theid, theid, is mi bhitheas toilichte! Agus theid mo mhàthair ann cuideachd.’ [TD 160] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1879. TD 4] “Thainig an là. Bha sinn ’s an t-seapal bheag so; agus mar a dh’ éisd mi, choimhlionadh an obair a thòisich an leanabh troimh bheannachadh Dhé. Bha mo chridhe air a bhriseadh, agus chuir e suas a cheud ùrnuigh, ‘Dhia dean tròcair ormsa a tha ’n am pheacach.’ (Luc. xviii. 13.) Chuir mi comhairle ris a’ mhinistear an deigh na searmoin; agus, oh, an t-Sàbaid shona! Thainig mi dhachaidh le m’ anam làn sìthe ’us gràidh dhasan a choimhlion a ghealladh annamsa, ‘Thigibh do ’m ionnsuidh, sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm uallach, agus gheibh sibh fois do ’r n-anamaibh.’ (Matt. xi. 28, 29) Thainig briathran Chriosd stigh air m’ inntinn ’n uair a shuidhe mi aig mo dhachaigh, làn aoibhneis, ’cumal mo leanabh ri mo chridhe, agus mo bhean a’ deanamh gairdeachais os mo chionn. ‘Mur iompaichear sibh, agus mur bi sibh mar leanabanaibh, nach teid sibh a steach do rioghachd nèimh.’ (Matt. xviii. 3.) Nis bha mi anns an rioghachd maille ri m’ aon bheag ionmhuinn; agus bha e mar gu-m bitheadh Criosd ag ràdh, ‘Air an aobhar sin cia b’ e dh’ islicheas e féin mar an leanabh so, ’s e sin féin a ’s mò ann an rioghachd nèimh.’ ‘A Thighearna,’ thubhairt mise, ‘sheòl mo leanabh mi do d’ ionnsuidh-se, agus thugadh mise gu gabhal riut; agus a nis, is tu Tighearn mo Shàbaid,—mo shìth, m’ fhios, flaitheanas mo dhachaidh.’ “Mar sin dh’ fhoghluim mi na t-Sàbaid a choimhead. Agus troimh mo nighinn bhig luachmhoir, tha aithne agam air ciod e a ’s ciall do bhi ‘’dol a stigh do a shuaimhneas.’ Oh ciod e an ‘t-Sàbaid bheannaichte’ thug e stigh do ’m chridhe! Cia luachmhor an là naomh so dhomsa! Seadh! abhair e an fhìrinn ann an Is. lviii. 13, 14. Tha mo shàbaidean sona o ’n is esan mo thlachd. Agus ann am toirt thairis mo smuaintean féin, mo thoilinntinnean, mo bhriathran, agus mo shlighean, gheibh mi a smuaintean-sa, a bhriathran, agus a shlighean, ’g am dheanamh foistinneach. Agus tha e ’toirt domh bhi beò ann an ‘aitibh arda’ cuideachd,—os cionn mo sheann eagalan agus chùraman. Tha obair nan se là a’ cinneachadh agam mar nach d’ rinn e riamh; agus tha mi fhéin ’us mo theaghlach a’ sealbhachadh ‘gealladh na beatha tha làthair, agus chum teachd.’ (1 Tim. Iv. 8.)” B’ e sin sgeul an duine, mar a sheas e le a laimh gu cairdeach air a leagadh air “an leanabh bheag” a bha ’n a teachdaire sìthe dha. A leughadair, an d’ ionnsuich thusa, mar a rinn esan, naomhachd na Sàbaid, le Spiorad na sìthe fhaotainn ’n ad chridhe? An d’ aithnich thu aoibhneas na muinntir a choimhideas “Là an Tighearna” le bhi ’tighinn a dh’ ionnsuidh “Tighearna na Sàbaid” airson suaimhneis? Am bheil obair nan sé laithean agad air tighinn gu bhi fallain agus milis o ’n ghràs tha thu ’faighinn ann an coimhcheangail ri “coimhead na Sàbaid?” Mur ’eil, c’ àite am bheil thu ag iarraidh suaimhneis? Cha-n ’eil e ann duit, gus am faigh thu maitheanas agus suaimhneas ann an Iosa Criosd, agus gus an aithnich thu ciod a sin bhi “ ’s an Spiorad air Là an Tighearna.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 161] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1879. CEISTEAN DHE. [Dealbh] CEISTEAN DHE—Ciod iad? Theagamh gu-m bi fuaim nam focal searbh aig cuid. Cha toil leo bhi air an ceasnachadh, gu h-àraidh ma tha fhios aca gu-m feum iad freagairt. Tha fhios aca gu bheil nithean fada sios ’n an cridhe mu nach maith leo ceist a chur orra. Tha iadsan a smuaineachadh mu chuirt lagha, agus mu ’n bhreitheamh ag éisdeachd, ’n uair le cuid ’us cuid a thig an fhìrinn o na fianuisean. Tha iad anshocrach an uair a smuainicheas iad cia cruaidh ’s a tha e bhi a seachnadh an fhìrinn innseadh, agus a bhi gun ni ach an fhìrinn a ràdh. Agus ma ’s cruaidh e le breitheamh aimsireil, tha fhios gu-m bu diomhain eadhon fheuchainn ris le Breitheamh na talmhainn uile. Ach gun teagamh tha cuid eile ann a chuireas ceistean oirrn e as nach ruig duine ’s am bith leas a bhi gabhail eagail. An uair a tha sinn gu tinn, agus a chuirear airson an lighich, cia July 1879. “God’s Questions.” [TD 162] [MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1879. TD 2] cho caoimhneil ’s a bhitheas e a’ foighneachd mar a tha sinn ’g ar faighinn féin, ciod e tha uainn ’us ciod e a ’s urrainn esan a dheanamh! Agus freagraidh sinn gu suilbhir—seadh, innsidh sinn dha nithean nach d’ fharraid e, an dòchas gu-n cuidich iad e ann ar leigheas. Mar sin tuigear gur e an Ceistear ’us cha-n e na ceistean a tha ’cur eagail oirrn. Ma ’s aithne dhuinn Dia mar Shlanuidhear ’us mar Fhear-saoraidh, is maith leinn a ghuth a chluinntinn; ach ma tha sinn gun Dia ’us gun dòchas anns an t-saoghal, is maith a dh’ fhaodas sinn teicheadh roimh ’fhocal mar roimh chlaidheamh. Ach cuiridh Dia a cheistean oirrn co dhiubh is maith leinn iad no nach eadh. Nach ’eil iad sgriobhta ann a leabhar? Agus nach cluinn ar cluasan agus ar coguisean luath no mall iad. Faodaidh sinn ar cluasan a dhruideadh agus ar coguisean a mhùchadh ach chum sinn a mach iad. Bha duine ann uaireigin a runaich nach éisdeadh e ris na bh’ aig Dia ri radh ris. Ach bha dà ni ann do ’n robh toil aige—ceòl agus clann bheaga. Agus chaidh e aon oidhche a dh’ éisdeachd ris a chloinn a’ seinn aig seirbhis a bh’ ann doibh. A’ cur roimh nach éisdeadh e ri ni eile chuir e meur anns gach cluais. Ach cha d’ iarr Dia cabhar o dhaoine ann am bhi ’fosgladh nan cluasan bodhar ud. Thainig cuileag timchioll air ceann an t-seann duine ud; chrath e na ciabhagan liath ach cha do charaich meur. Mu dheireadh, luidhe a’ chuileag air a ghruaidh: togar a làmh gu a sguabadh dhith. Mar a bha e ’g a dheanamh chual a chluas na focail “An neach aig am bheil cluasan éisdeadh e.” Is ann airson sin fhuair e cluasan! Mu ’n d’ fhàg e an seòmar an oidhche sin, fhuair am focal dol a stigh air na cluasan fosgailte a dh’ ionnsuidh a’ chridhe. Ach cha-n e mhàin gur éigin ceistean Dhé a chluinntinn, ach is éigin am freagradh mar an ceudna. Tha daoine a’ meas nach ruig iad a leas; no, co dhiubh, gu-m faod iad dàil a dheanamh, agns le dàil gu-m faigh iad an ni a sheachnadh mu dheireadh. Mar sin gabhaidh duine a leithsgeul mar Adhamh, (Gen. iii. 9-12;) no feuchaidh e ri teicheadh o làthaireachd Dhé mar Chain, (Gen. iv. 10-16;) no cruaidhichidh e a chridhe mar Pharaoh, (Ecs. x. 3, ix. 35;) no bheir e dùbhlan do Dhia is d’ a chumhachd mar Gholiath, (1 Sam. xvii. 26.) Fhuair a’ cheud cheist a chuir Dia air an duine, “C’ àite am bheil thu?” (Gen. iii. 9) e ’g a fholach féin: gheibh a cheist mu dheireadh, “Oir thainig là mòr fheirge-san, agus co dh’ fhaodas seasamh?” e a’ feuchainn ri e fhéin ’fholach fhathast. Is eagallach an smuain so do ’n pheacach nach d’ fhuair maitheanas—nach ’eil teicheadh ann o Dhia! I. Na ceistean a chuireas Dia air a’ pheacach.—Dh’ ainmicheadh dhà dhiubh sin mar tha, ceud cheist agus ceist dheireannach a’ Bhiobuill—“C’ àite am bheil thu?” (Gen. iii. 9;) agus “Tha là mòr fheirge-san air tighinn; agus cò a dh’ fhaodas seasamh?” (Tais. vi. 17.) Nis tha an da cheist a tha sin searbh leis a’ pheacach,—’us eagal air romha; tha iad le chéile ag innseadh mu pheacadh, mu chionta, agus mu bhreitheanas. Ach amhairc air maitheas Dhé. (Rom. ii. 3-5.) Tha na ceistean sin mu breitheanas air an cur ri linn là nan gràs. Is e an neach a tha ’g an cur an neach a ghuil os cionn Ierusaleim. Tha iad ag iarraidh air a’ pheacach teicheadh o ’n fheirg tha chum teachd, ’g a sheòladh a dh’ ionnsuidh an Ti a tha maraon ceart e fhéin, agus ’n a “Neach a dh’ fhirinnicheas an ti a chreideas ann an Iosa.” (Rom. iii. 26.) Cha bu luaithe a thuit Adhamh ’us Eubha na thaiuig Dia am fagus. Cha d’ iarr iad e; thainig esan ’g an iarraidh-san. Cha b’ urrainn iad bhi an dòchas gu-n deanadh e e. Bha na focail “Gu cinnteach bàsaichidh tu” a’ seirm ’n an cluasaibh fhathast. Dh’ fholaich iad iad féin o Dhia air chul nam preas. Ach tha focal Dhé beò agus cumhachdach; fhuair e mach iad. “C’ àite am bheil thu?” thug sud gu ’n ciall [TD 163] [MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1879. TD 3] cheart iad. Tha ceist Dhé ’g an toirt gu iad fhéin fhaicinn. Cha-n urrainn iad ach an fhìrinn innseadh; tha iad ag aideachadh an cionta. Is e so an ni a dh’ fheumas ceist Dhé, “C’ àite am bheil thu?” a leantuinn a ghnàth anns a’ pheacach a theid a dhùsgadh. Tha i ’g a fhaighinn, faodaidh bhi, morchuiseach agus cinneachdail ann an dìdean breige air choireigin. Ach ciod e mu na h-oidcheachan gun chodal, no ’cur an gniomh peacaidh uaignich? Ciod e mu na droch nithean a nithear ’s an dorchadas? Luath no mall tha, “C’ àite am bheil thu?” a ’seirm ’n a chluasaibh. Ach dlù as a dheigh tha aon eile de cheistibh Dhé, “C’ uime a bhásaicheadh tu?” (Esec. xxxiii. 11;) agus fhathast ceist eile, “Ciod an tairbhe a th’ ann do dhuine ged a chosnadh e an saoghal uile, agus ’anam féin a chall? No ciod i a’ mhalairt a bheir duine airson ’anama?” (Mat. xvi. 26.) Oh ma ruigeas a leithid a ghuth oirbhse, tionndaidhibh, tha sinn a guidheadh dhibh, eadhon ged a bhitheadh ar n-aghaidh agaibh ri chur air Dia, agus air coguis a’ dìteadh. Tilgibh sibh fhéin aig cosaibh Iosa, agus éighibh, “A’ Thighearna, saor mi no bàsaichidh mi.” Ach faodaidh sibh bhi fo eagal roimh thuarasdal a’ pheacaidh, agus sgìth dhe chudthrom, gun a bhi ullamh chum a thrèigsinn. Cha chuir sinn orra sin ach aon cheist mhor ’s an dealachadh, “Ciamar a theid sinn as, ma ni sinn dimeas air slainte cho mòr?” (Eabh. ii. 3.) II. Ach a nis, seallamaid air ceistibh Dhé ri daoinibh tinn agus amhgharach, bochda agus uireasbhuidheach. Is aithne do ’n mhòr chuid againn laithean dorcha, agus gruamach; agus ciamar aig ’leithid a dh’ uair a rinn focal ann an deagh àm ar cridhe fhuasgladh, agus solus a leigeadh a stigh air mu dheireadh. Ni sealladh sùla, no làmh a beantuinn ruinn air uairibh e. Oir tha an cumhachd ann an gràdh a’chridhe a tha air an cùlthaobh. Is cuimhne leinn nighean òg bhi ’dol troimh tigh chuthaich. Thugadh i gu seòmar far nach robh ach aon neach a mháin,—nighean òg coslach rithe fhéin. Bha i ’n a seasamh ann an oisinn an t-seòmair, le a h-aghaidh faisg air a bhalla. Bha i mar chloich le eudòchas. Cha d’ amhairc i ’us cha do labhair i. Dh’ fhaodadh i bhi marbh, ach gu-n do sheas i. Bu mhuladach an sealladh i. “An labhair thu rithe?” ars’ an lighich. “Cha-n urrainn sinne dad a dheanamh dhìth. Tha i mar so o cheann laithean. Ach dh’ fhaodadh i éisdeachd ri neach cosmhuil rithe fhéin.” Bha an nighean òg, uasal, air a gluasad agus le focal athchuinge chaidh i agus chuir i a làmh air an neach bhrònach bha roimhe, agus le deoir ’n a sùilibh, labhair i focal caoimhneil, tlàth. Thionndaidh an nighean bhochd rithe, sheall i, agus ghuil i. Thubhairt an lighich, “Buidheachas do Dhia, faodas i tighinn troimhe!” Cha robh cuimhne aig an nighinn uasail ciod e na focail a labhair i. Ach rinn iad an gnothuch. Dh’ fhairich a’ chaileag bhochd, shàraichte, a bha ’meas gu-n robh na h-uile neach coma dhith, blàthas a’ chridhe aig an robh truas rithe, agus an làmh a shìneadh a mach chum a cabhar. Ach nach fhaod sinne a bhi mar sin d’ a chéile. Is e an t-iongantas nach ’eil pian ’s a chorp, goirteas ’s an anam, no deuchainn ’s a’ chrannchur, ris nach ’eil cofhulangas aig an Tighearn, agus ullachadh aige m’ a choinnimh. Amhaircidh e air an fheadhain bhrònaich, a tha deas air a ràdh gu-n do thréigeadh iad, agus their e “An diochuimhnich màthair a leanabh-ciche, gun iochd a dheanamh air mac a cuim? Faodaidh eadhon iadsan diochuimhneachadh, ach cha diochuimhnich mise thusa.” (Isa. xlix. 15.) “O Israeil, sgrios thu thu fhéin, ach annamsa tha do chabhair.” (Hos. xi. 8, xiii. 9.) An robh gràdh riamh ann cosmhuil ri so? An urrainn ar nàdur no ar n-uireasbhuidh tuilleadh iarraidh? Agus gidheadh tha tuilleadh ’s an tigh-thasgaidh! Smuainich air beatha Chriosd air an talamh. Cuimhnich air a pheacach [TD 164] [MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1879. TD 4] a thugadh gu Iosa leosan aig an robh làn fhios air a caitheamh-beatha, agus cuimhnich ceist an dòchais a chuir e oirre, “An do dhìt duine air bith thu? Cha mhò tha mise ’g ad dhìteadh: imich romhad agus na peacaich na ’s mò.” (Eoin viii. 10, 11.) Thubhairt Criosd ri Marta ’n uair a luidhe corp a bràthar Lasaruis ceithir laithean ’s an uaigh, “Is mise an aiseirigh agus a’ bheatha: an tí a chreideas annamsa, ged a gheibheadh e bàs, bithidh e beò: agus cia b’ e neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, cha-n fhaigh e bàs am feasd. Am bheil thu a’ creidsinn so?” (Eoin xi. 25, 26.) Tha e ’cur an aona cheist ortsa agus a ’toirt an aon mhisnich dhuit—“Am bheil thu a creidsinn so?” Gu-m b’ ann a fheagradh tu, “A Tighearna, tha mi ’creidsinn, cuidich le mo mhichreidimh!” III. Ceistean Dhé air a phobull. Tha mòran aige ri ràdh riusan nach tuig daoine eile. Cuimhnich air beatha Chriosd air an talamh; ’aonaranachd agus e leis fhéin cha-n ann a mhain mar Eadar-mheadhonair ach mar Dhuine a’ Bhròin; mar a dh’ iarr e creidimh, tuigse, agus cofhulangas. “Am bheil sibh a nis a’ creidsinn?” ars’ esa eadhon aig a chrioch. (Eoin xvi. 31.) Ciod e nach innseadh e dhoibh na ’m b’ urrainn iad éisdeachd! Ciod e nach tugadh e dhoibh na ’n gabhadh iad uaithe! Agus nach ann mar sin a tha e nis? Tha sinn a’ deanamh ar n-anaman bochda leis na tha sinn a’ seachnadh, cho maith ri leis na tha sinn a’ call. Oh, an doimhne a tha ann ceistean Chriosd ri a chloinn! Ciod e an sealladh a tha iad a ’toirt air a chridhe a stigh! Ciod e an solus tha iad a’ cur air do chridhe agus mo chridhe! Tha sinn cho aineolach air gu bheil aige ri fharraid, “Am bheil mise ùine cho fada maille ribh, ’us nach aithne dhuibh mi fhathast?” Ach tha ceistean na ’s brònaiche ann fhathast. Nach robh ùine riamh ann ’n uair a bha e ag ràdh, “An àill leibhse falbh cuideachd?” (Eoin vi. 67) Nach ’eil aman ann ’s am bheil feum aige oirnn agus ’s an amhairc e ruinn—agus sin gu ar faicinn a’ failneachadh, agus a ’toirt air a cheist a chur, “Nach b’ urrain sibh faire a dheanamh aon uair maille rium?” (Mat. xxvi. 40.) Nach aithne do aon againne tuiteam mar a rinn Peadar? Agus mar Pheadar ar cridhe a bhi fo mhulad, agus gidheadh an Tighearn ’g ar togail suas le bhi ag ràdh, “Am bheil gràdh agad dhomhsa?” (Eoin xxi. 15) Tha uile cheistean Dhé sonraichte agus geur. Gu-m b’ ann a fhreagradh sinne uile, “A Thighearns, am mise e?” Agus annta sin a bhuineas duinne gheibh sinn a ghuth ag ràdh, “Is tusa an duine.” Gu h-àraidh faodaidh sinn uile smuaineachadh air ceist agus ne their sinn rithe. Is ceist i do ’n pheacach, do luchd-trioblaid, agus do na naoimh maraon; ceist air am bheil na h-uile ni a ’s cudthromaich an crochadh, am beatha na ’m bàs: “Ciod e ’ur barailse mu Chriosd?” (Mat. xxii. 42.) Is E tha ’g ’ur ceasnachadh; is E bheir breith oirbh. Ciod e tuilleadh a th’ ann duibhse? An urrainn sibh freagradh ag ràdh, “Is e Criosd na h-uile agus anns na h-uile”? “IOSA CRIOSD, an ti ceudna, an dé, an diugh, agus gu bràth.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY.JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 165] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1879. BROWNLOW NORTH. [Dealbh] RUGADH Brownlow North ann an Lunnun air an 6mh là de Ianuaraidh 1810. Bha e de theaghlach mòr. ’N a mhac brathar athar do Mhorfhear Guildford, aig nach robh mac idir, bha e air a mheas aig a bhreith mar oighre air an ainm. Ach mhealladh an dòchas ud, oir thàinig mac le bràthair bu shine ’athar, a rugadh as a dhéigh, stigh roimhe. Bha ’athair ’n a mhinistear Sasunnach an Alverstoke; bha a mhàthair ’n a bean dhiadhaidh ’us thug i oidhirp air a thogail ann an eagal an Tighearna. Ach bha e gorach, gun umhaill. Bha na sé bliadhna a chuir e seachad aig sgoile Etoin, far an d’ fhuair e mar ainm “Gentleman Jack,” air an cur seachad an diomhanas, agus faladhà. Aig aois chùig bliadhna deug chaidh e le Morfhear Guildford, aig an robh inbhe ard anns na “h-Ionian Islands,” gu Corfu, far an do chuir am Morfhear suas Oilthigh Soisgeul- August 1879. “Brownlow North.” [TD 166] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1879. TD 2] ach. Bha daoine an dòchas gu-m faigheadh an duine òg maith o ’n teagasg agus an deagh iompaidh. Ach cha d’ fhuair. Mu dheireadh air do ’n Mhorfhear ’fhaighinn ’toirt a nuas uinneig an t-seòmair-teagaisg, agus a’ leum thairis air le càch airson geall, chuir e air ball dhathigh e, mar neach air nach robh buaidh air bith aige. Dh’ fhalbh e, le fear-teagaisg cuide ris, gu rioghachdan na h-Eorpa a shiubhal. A cheud oidhche bha e ann am Paris fhuair e am fear-teagaisg aige ann an tigh-chluiche chairtean. Thug e air, fo eagal innsidh air, gu-n do gheall e nach bitheadh focal tuilleadh mu fhoghlum no leabhraichean aca. Air an t-slighe gus an Ròimh choisinn e o ’n fhear-theagaisg na h-uile sgillinn a fhuair e mu choinnimh costuis an turuis. Bha e nis aig a làn shaorsainn gu “innleachdan a dhroch cridhe fhéin” a leantuinn, mar a theireadh e tric. Bha e, aig aois naoi bliadhna deug, posda, gun dad aige ri dheanamh. Cha robh aige ach £300 ’s a bhliadhna, a thàinig a stigh o dhreuchd Eaglais gus an do chomharraicheadh e le a sheanair, Easbuig Uinchester. Thoisich e ri cluiche chairtean airson airgid. Chaidh e am fiachan agus theich e do ’n Fhraing. A sin ghabh e ann an armailt Phortugal. An ceann beagan mhiosan thill e dhathigh. Fad cheithir bliadhna an deigh so ghabh e tàmh an Taobh tuath Alba a’ sealg fad an latha, agus ’dol ’s a gheamhradh gu Abaireadhain. Air aon gheamhradh an Abaireadhain dhannsa e dà oidhche an deigh chéile gu maduinn, agus air an dà latha mharcuich e gach là ceithir fichead mìle gu Hunduinn agus air ais, ann an ochd uairean a thim, airson geall leth-cheud punnd Sasunnach. Mu ’n uair ud, cha robh sìth aige ’n a choguis, agus bha an Spiorad a’ stri ris. Is ann mu 1839 bu ghéire bha an strì. Dh’ innis Ban-diuc Gordoin mar so:—“Air dha bhi ’suidhe làimh rium là aig an dinear, thubhairt e le mulad, ‘A Bhan-diuc, ciod e a ni duine a rinn ùrnuidh tric ri Dia, ’us nach d’ fhuair freagradh?’ Ghuidhe mi le mo chridhe ri Dia airson na theirinn. Sheall mi ris agus thubhairt mi air dhoigh ’us nach cluinneadh càch, ‘Tha sibh ag iarraidh, ’us cha-n ’eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h-olc, chum gu-n caith sibh e air ’ur n-auamiannaibh.’ (Seum. iv. 3.) Dh’ atharraich a ghnùis, thàinig gluasad mòr inntinn air, bha e fad an fheasgair samhach, agus thug e taing dhomh ’n uair a dh’ fhalbh e.” Beagan an déigh sud thàinig e gu bhi ’faicinn amaideis a shlighe cho soilleir, ’us gu-n do rùnaich e atharrachadh gu h-iomlan. Chuir e roimhe dol do Oilthigh Oxford, agus a bhi ’n a mhinistear ann an Eaglais Shasuinn. Ghabh e an onoir ris an abrar “degree” ’s a’ bhliadhna 1842. Aig Oxford fhuair e mòr eòlas, ach theich a chuid dearbhaidhean spioradail, agus thòisich e air a sheann caitheamh-beatha mi-mhodhail. Sgriobh e gu caraid “Chum bàs an fhirein a bhàsachadh is eigin duinn beatha an fhirein a chaitheamh, a bhan-charaid dhìleis, agus cha-n ’eil mise ullamh chum sin fhathast.” Aig an àm so chuir e an soisgeul uaithe buileach, agus bha e mar gu-n d’ thubhairt e ri Dia, “Is éigin domhsa mo pheacaidhean bhi agam. Is aithne dhomh an tuarasdal, ach gabhaidh mi e; gabhaidh mi sgrios siorruidh mar mo chuid.” “Mar so a’ caitheamh a là am measg na h-uile truaillidheachd, là ’us oidhche gun sguir, lean e air adhart gus a’ bhliadhna 1854, ’n uair a bha e 45 bliadhna dh’ aois.” Ach a nis, “Tha cuid mhòr de ’n oidhche air dol seachad, tha an là am fagus.” Dh’ innis e mu ’n atharrachadh a thàinig air do fhoghlumaich Oilthigh Dhuinéidin mar a leanas, ’s a’ bhliadhna 1862:— “Thoilich e Dia,” ars’ esan, “ ’s a’ gheamhradh 1854, ’n uair a bha mi ’n am shuidhe a’ cluiche chairtean, cùram a dhùsgadh annam mu m’ anam. Is e am meadhon a chleachd [TD 167] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1879. TD 3] e mi bhi ’g am fhaireachadh féin gu tinn, agus mi bhi fo eagal gur e am bàs a bh’ ann. Thubhairt mi ri mo mhac, ‘Is duine marbh mi, thoir suas an staidhir mi.’ An uair a rinn iad so, thilg mi mi fhéin air an leabaidh. Is e a’ cheud smuain a thàinig thugam, Nis, ciod e ni mo dhà fhichead bliadhna ’s a ceithir a’ leantuinn innleachd mo chridhe fhéin, air mo shon? An ceann beagan mhionaidean bithidh mi ann an ifrinn, agus ciod a ni iad sin uile air mo shon, air son an do reic mi m’ anam? An siu b’ éigin domh dol a dh’ ùrnuidh, ach cha robh ann ach ùrnuidh an eagail—ag iarraidh tròcair. Cha robh aithreachas orm air son na rinn mi, ach bha eagal breitheanais orm. Agus gidheadh bha ni agam a bha ’g am bhacadh o bhi ’tuiteam sios air mo ghlùnaibh a dh’ iarraidh tròcair, agus is e sin gu-n robh an t-searbhanta ’s an t-seòmar, a’ beothachadh teine dhomh. Trid gràis Dhé chaidh mi air mo ghluinean am fianuis na caileig ud, agus is e mo bharail gur ann an sin a thàinig an t-atharrachadh. Tha mi ’creidsinn na ’n d’ fhuair mi an uair ud cur an aghaidh an Spioraid Naoimh—cha-n e gur urrainn mi ràdh le cinnteas, oir cò a chuireas crioch roimh na Spiorad Naomh?—ach is e mo chreidimh gu-m b’ e an uair mu dheireadh ’s am bitheadh an cothrom agam. Ach le gràs Dhé cha d’ rinn mi e. Thuit mi sios a dh’ ùrnuidh; agus ged nach ’eil mi an diugh mar bu chòir dhomh a bhi, tha mi mar a tha mi, agus cha-n e sin mar a bha mi, aig a cheum a ’s lugha.” Air an ath’ là, dh’ innis e do na cairdean a bha ’fuireach ’s an tigh le focal beoil, agus do chuid eile le litrichean, gu-m bu duine eile e. Ach ged bha e o an uair sin a mach ’n a chreutair nuadh o an leth muigh, cha robh “an lot air a leigheas gu faoin.” Bha uair ghoirt aige fo fhaireachadh air olc a’ pheacaidh, a’ leithid ’us gu-n saoileadh cuid gu-n robh e ’fulang fo eucail throm cuirp. Dh’ iarr e sìth ann au ùrnuidh, agus ann an rannsachadh a’ Bhiobuill. Bha e miosan mun d’ fhuair e i. Tha e ag ràdh gu-n robh e aon oidhche gun chodal idir, agus gu-u d’ éirich e ’us gu-n do leugh e an treas caibdeil de ’n litir dh’ ionnsuidh nan Romanach, agus gu-n d’ thàinig solus ùr stigh le boillsgeadh air ’inntinn. “ ‘Ach a nis tha fireantachd Dhé air a foillseachadh as eughmhais an lagha, a’ faotainn fianuis o ’n lagha ’us o na fàidhibh; eadhon fìreantachd Dhé tre chreidimh Iosa Criosd, do na h-uile agus air na h-uile a chreideas; oir cha-n ’eil eadar-dhealachadh ann.’ (Rom. iii. 21, 22.) Leis an earrainn ud thàinig solus a stigh air m’ inntinn. ’A bualadh an leabhair le mo làimh agus a’ leum o mo chaithir, dh’ éigh mi, ‘Ma tha an sgriobtuir ud fior, is duine tearuinte mi! Is e sin a tha uam; is e sin tha Dia ’tairgseadh dhomh; is e sin bhitheas agam.’ Le cabhar Dhé is e sin a ghabh mi—FIREANTACHD DHE AS EUGMHAIS AN LAGHA. Is e m’ AON dòchas.” Rinn an t-atharrachadh a thàinig air bruidheann mhòr am measg a sheana chompanach. Thubhairt cuid gu-n deachaidh e as a bheachd; cuid eile gur e bh’ ann ni gun bhonn, ’us nach fhad a mhaireadh e. Thubhairt cuid de na paipeirean-naigheachd, eadhon an deigh dha toiseachadh air teagasg, gur e bh’ ann mealladh, ’us gu-n robh geall mòr aige mu na miltean a thigeadh ’g a éisdeachd. Bha eadhon pobull an Tighearna do ’m b’ aithne a chaitheamh-beatha roimhe, fad an teagamh as, mar a bha na deisciobuil á Pol. (Gnio. ix. 26.) Ach a nis, air a thoirt a dh’ ionnsuidh “saorsa ghlòrmhor” pobull Dhé, cha robh amharus ann. Ann an coimhead nan tinn ’us nam bochd, agus le coinnimhean bheag mu ’n àite aige fhéin, thoisich e air a’ chreidimh a shearmonachadh, a bha e aon uair a’ claoidh. Ghabh e ris a’ bheannachd a bha air ’obair, agus ris na cuiridhean a fhuair e as gach àite mar chomharraidhean air nach robh e gun ùghdarras. “Cha-n ’eil mise ’n am mhinistear orduichte,” ars’ esan, “ach innsidh mise dhuibh cò mi,—is duine [TD 168] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1879. TD 4] mise a bha air bruaich slochd na leirgrios, agus a dh’ amhairc stigh, agus mar a chi mi mòran agaibh a’ dol sios ann, tha mi an so gu ’ur n-éigheachd air ais, agus ’ur cunnart innseadh dhuibh. Tha mi an so mar an ceudna, mar cheann-fheadhna nam peacach, air mo thearnadh le gràs, chum innseadh dhuibh gu bheil an gràs a theàruinn mise comasach air sibhse thearnadh mar an ceudna.” Le Ard-Sheanadh Eaglais Saoire na h-Alba air an 27mh là de mhios a’ Mhaigh 1859, bha e le aon ghuth “air aideachadh mar shoisgeulaiche.” Cha-n ’eil e comasach dhuinn innseadh mu ’n obair mhòir a rinn e, fad fhichead bliadhna an déigh so. Chaidh e air feadh na tìre “a’ searmonachadh an fhocail.” Tha cuimhne aig mòran le tlachd air na turusan ud, mar mheadhonan beatha do dhaoinibh—ann an Lunnun, agus am bailtean mòra eile an Sasunn—agus ann an Eirinn. Fhuaireadh am méasg a phaipeirean an déigh a bhàis, litrichean o mhor-fhearaibh agus o bhan-mhorfhearaibh, o righribh Innseanach agus o bhan-phrionnsaibh Gearmailteach, o lighichean ’us luchd-lagha, o cheannaichean gniomhach, o shaighdeiribh us o sheoladairibh, agus tuathanaich chaorach an Australia; o nigheanaibh uasal òga, o dhaoinibh òga, o luchd-teagaisg ’us luchd-foghluim, o sheirbhisich de gach seorsa mach ’us a stigh, ’us iomadh eile, ’us iad uile a’ sgriobhadh air an aon phuinng. Air dha bhi “foghluimte ann an uile ghliocas nan Eiphiteach” o ’fhaireachadh goirt féin, b’ aithne dha na b’ urrainn Satan, agus an saoghal, agus an fheoil a dheanamh airson duine, agus an ni nach b’ urrainn. O so thàinig a chumhachd mòr, trid beannachadh Dhé air a’ pheacach a ghluasad. Chaochail Mr. North aig Caisteal Thulaich Eoghain an Siorramachd Dhuinbhreatuinn air an 9mh là de mhios Nobhember, ’s a bhliadhna 1875. Thubhairt e ri neach a sheas làimh ris, “Tha thusa òg, slàn, agus le dòchas éiridh gu àrd-inbhe ’s an arm. Tha mise ’dol an coinnimh a’ bhàis; ach ma tha am Biobull fior, agus tha fhios agam gu bheil, cha dheanainn malairt suidheachaidh riut airson an t-saoghail uile.” B’ iad briathran deireannach a chreidimh ’us a dhochais “Sìth iomlan.” A leughadair! Ciod e tha a’ bheatha ud—am bàs ud—ag ràdh ruinn uile? Freagradh e fhéin a’ cheist, le focail geura a bheoil, nach cuala cuid dhinn theagamh aige. “Thig an dearbh àm ’n uair a bhitheas tu cùig mionaidean ’s a’ bhi-bhuantachd.” “Cha-n urrainn thu seirbhis a dheanamh do Dhia ’us do Mhammon. Cha-n e nach ‘dean thu e,’ ach ‘nach urrainn thu a dheanamh.’” “Is buannachd mhòr an diadhachd maille ri inntinn thoilichte: ach an inntinn thoilichte a dh’ easbhuidh air an diadhachd is e a’ mhallachd a’ s mo i.” “Cha bhac duine air bith thu o bhi air do thearnadh ach thu fhéin. Ma gheihh thu an dara bàs, bithidh do làmh ’n ad bheatha féin. Their Dia riut aig a’ bhreitheanas, ‘Sgrios thu thu féin’” “Mar an ath ni do bhi call d’ anam thoir an aire nach caill thu do dhearbhaidhean.” A leughadair! Ciod e tha thu ag ràdh? Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 169] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS MEADHONACH AN FHOGHAIR, 1879. AN RADH FIOR. “Is fior an ràdh so, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gu-n d’ thainig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a theàrnadh pheacach: d’ am mise an ceud-fhear.” [Dealbh] ANN a uile sgriobhaidhean tha Pol a’ nochdadh beò-fhaireachadh air olc peacaidh. Tha na h-uile aideachadh, ach teàrnadh troimh ghràs saor, a’ lughdachadh air dhoigh na doigh a chionta. Ma dh’ fheuchas iad ris an da thaobh a thoirt leo, agus slàinte a dheanamh ’n a thoradh ann an ceum air obair no toillteanas an duine, agus ann an ceum air saor-ghràs Dhé, tha iad cinnteach olc mòr a pheacaidh a cheiltinn. Tha an duine air a dheanamh ’n a chreutair bochd, anmhunn, a tha ’fulang o lagh a tha ro theann dha. Tha e air a ràdh gu bheil còir aige air tròcair, agus tha gearan mòr air ma dh’ àicheadhas sinn a chòir. Ach bha an t-Abstol Pol ’toirt cunntas air a pheacadh fhéin: dh’ aidich e gu-n robh e roimh sin ’n a fhear-toibheim, agus ’n a fhear-geurleanmhuinn, “ach,” ars’ esan, “fhuair mi tròcair.” Bu pheacach air a theàrnadh esan, agus tha e nis ag September 1879. “The Faithful Saying” [TD 170] [MIOS MEADHONACH AN FHOGHAIR, 1879. TD 2] ràdh gu-n robh esan ’n a shamhladh air càch, oir thainig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a theàrnadh pheacach. Tha daoine ag amharc air an abstol mar gu-m bu Chriosdaidh leis fhéin e, ach tha esan ag ràdh nach b’ e, agus a’ teagasg na firinn moire, gu-n robh gnothuch an t-Slanuidhir riusan a tha ciontach agns gun toillteanas, am measg an robh e ’g a mheas fhéin mar cheann-fheadhna. I. Is e a’ cheud ni ’tha sinn ag ràdh O SO, GU BHEIL PEACAICH ANN AN COR UAMHASACH. Tha duine a tha ’cur feum air teàrnadh gun amharus ann an cor uamhasach. Nis tha feum aig na h-uile duine ’us bean agaibhse nach deachaidh a theàrnadh troimh Iosa Criosd air teàrnadh fhaighinn. Choimhid sibh an lagh o ’r n-òige, tha sibh ag ràdh agus ciod e tuilleadh tha uainn? Is e mo fhreagradh-sa gu-m bheil feum agaibh air teàrnadh a dh’ aindheoin ’ur beachdan solasach umaibh féin. Ach bha sibh diadhaidh cuideachd o ’r ceud chuimhne, agus cha-n fiosrach sibh gu-n d’ rinn sibh olc ’s am bith. A charaid ionmhuinn, a dh’ aindheoin do bheus agus do dhiadhachd o ’n leth muigh is éigin duinn innseadh dhuit gu-m bheil feum agad air teàrnadh cho maith ris an aindiadhach a ’s mò a th’ ann. A dh’ aindheoin na their thu air do shon fhéin, bhris thu lagh Dhé, agus is peacach thu, agus mar pheacach tha thu ann an cor truagh, as nach urrainn ni do theàrnadh ach làmh Dhé. Oir, an toiseach, is cunnart a bhi ’n ad pheacach. Bhris thu aithne do Chruithfhir: nach olc sin? Dhearmaid thu a thoil, a tha naomh, ceart, agus maith: nach mòr an t-olc sin? Nach milteach cridhe bhi agad nach roghnaich a’ cheart, ach a leanas ris an olc. Nach eucail mòr anama inntinn bhi ann nach gràdhaich Dia, agus a ghabhas tuilleadh cùraim as fhéin na á gloir a Chruithfhir ’us a Thighearna? Cha-n aithne dhuitse ach is aithne do chreutairibh naomh’ e. Is e cumhachd truaillidh a’ pheacaidh air an anam an t-olc a ’s uamhasaich uile, am milleadh a ’s mò,—is e am bàs spioradail e. Tha feum aig na h-uile duine air a bhi air a theàrnadh o chumhachd truaillidh a’ pheacaidh. A thuilleadh air sin, tha fuath aig an Dia ’tha tri uairean naomh do ’n pheacadh, fuath nach urrainn sinn a thuigsinn o ’n chaill sinn ’ur breithneachadh mar chreutairean naomha. O a pheacaich, ciod e an cor ’s am bheil thu a chionn gu-m bheil annad agus ort am peacadh nach urrainn Dia ’fhulang. Ciod e do shuidheachadh agus gu bheil e air a sgriobhadh mu ’n Tighearn, “Tha fuath agad do uile luchd-deanamh na h-eucorach!” agus is e sin thusa. An urrainn thu an smuain a ghiùlan? A thuilleadh air so, tha thu fo dhìteadh, agus cha-n fhad gus am bi so soilleir do ’n h-uile creutair reusouta. Cha-n urrainn e bhi nach bi, oir feumaidh buain thighinn an lorg a chuir. Feumaidh smuaintean, briathran, agus gniomharan aingidh an toradh a ghiùlan, agus mar sin tha na h-uile peacach an cunnart teine ifrinn. Cho cinnteach ’s a theid na fireana trid Chriosd a stigh do shonas siorruidh, theid na h-aingidh sios do pheanas bithbhuan far am bith gul ’us caoidh, agus giosgan fhiacal. Agus faodaidh so tachairt do pheacach ’s am bith gun ghràs mus cluinn e an ath fhocal a tha agamsa ri ràdh; faodaidh e e fhéin fhaighinn air a dhruideadh a mach o dhòchas gu h-iomlan, air a dhruideadh a mach gu bràth o Dhia, mus buail an t-uaireadair a tha an sud. Is cunnartach an suidheachadh so do anam neobhàsmhor. Ach is e so suidheachadh na h-uile anam nach do theàrnadh troimh Chriosd! Faodar a chur ri so gu bheil am peacach gun chomas air bith e fhéin air dol as, aon chuid o ’n pheacadh, no o ’n fheirg a dhuisg e, no o ’n pheanas a chomharraicheadh d’ a euceartan. Ciod e a ni thu, Etiopianaich, chum do bhian atharrachadh? O ’leopaird, ciamar a ghlanas tu dhiot na buill? Agus nam b’ urrainn thusa ’tha olc foghlum maith a dheanamh, [TD 171] [MIOS MEADHONACH AN FHOGHAIR, 1879. TD 3] ciamar a chuireadh tu uait peacadh na h-aimsir a dh’ fhalbh? Nach ’eil peacaidhean d’ oige ’n ad chnàmhan gus a là an diugh. Agus is éigin doibh bhi an sin gu bràth, mur toir làmh làidir Chriosd air falbh iad. O a dhuine gun mhaitheanas, ciod e do bharail dhe so? O, a pheacaich, tha thu caillte gu h-uamhasach, tha thu caillte gu neo-chriochnach, a chionn ’us gun iarr e Slanuidhear neo-chriochnach chum do theàrnadh le e fhéin iobradh. Is e so a’ cheud fhìrinn a tha air a gabhail a stigh ’s an ràdh fior so: Gun sgriobhadh an Spiorad Naomh dhuinn air ar cridheachan iad! II. THAINIG IOSA CRIOSD CHUM DAOINE A THEARNADH MAR PHEACAICH. Is ann airson pheacach tha a shlàinte, ’us cha-n ann airson dhaoine eile. Is ainmig a ruigeas daoine air so a bhreithneachadh: faodaidh sinn a ràdh nach tuigear e gus am foillsich Dia an Spiorad Naomh e. Tha mòran a’ meas gu-n d’ thainig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a theàrnadh sluaigh bheusaich, muinntir a ghabh aithreachas de dh’ olc ’s am bith a rinn iad ma rinn iad idir e, agus mar sin a chuir cùisean ceart,—muinntir a tha ’deanamh na ’s urrainn iad, le frithealadh air meadhonan, agus gabhail na sàcramaid, agus toirt do na bochdaibh, agus pàigheadh am fiachan, agus ùrnuidh. Tha iad sin a’ deanamh an dìchill gu cùisean a chur ceart, agus a chumail ceart, agus cha-n fhaod a bhi nach teàrnar iad! Is e sin tha daoine ag ràdh. Tha am beachd-san air slàinte an t-soisgeil ro mheasgta, agus is e so a shium, gu bheil an soisgeul airson sluaigh mhaith. Cha-n e nach ’eil feum aca air Iosa Criosd idir,—tha aite air choireigin aca dha; ach tha an creidimh ’n a sheorsa de rùdh-ràdh. Ann an ceum saoraidh iad iad fhéin, agus ann an ceum saoraidh Criosd iad, agus eadar na dhà cha-n ’eil iad air an teàrnadh idir. Is e am beachd faoin nach urrainn iad uile na tha feumail a dheanamh chum an teàrnadh, agus an sin gu-n tig Iosa stigh chum an corr a dheanamh, agus an gnothuch a thoirt gu bhi cothromach do ’n taobh. Nis is i an fhìrinn neo-mhearachdach a tha sinn a’ cur an ceill nach d’ thainig Criosd do ’n t-saoghal a theàrnadh neach air bith ach peacaich, ach dh’ amhairc e air na peacaich sin mar pheacaich, ’us cha-n ann mar ni eile. Cha-n ’eil na briathran againn ag ràdh na ’s mò no na ’s lugha na so, “Gu-n d’ thainig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a theàrnadh pheacach!” Cha-n ’eil focal ann a bheir a bhrìgh á sin. Tha e soilleir gu bheil peacaich a mhàin ’n an cuspairean slàinte, oir cha-n ’eil ann ach iad aig am bheil feum air slàinte; agus mur bitheadh peacaich ann cha bhitheadh slàinte no Slànuidhear ann. Co a dh’ iarras teàrnadh ach duine caillte? Air a phuinng tha so is éigin bhi ro shoilleir. Is éigin gu-n cumar a ghnàth roimh inntinn an duine gu-n d’ thainig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a theàrnadh pheacach mar pheacaich; a chionn agus nach toigh leis an duine a’ phuinng, agus ma chuireas tu gu daingean roimhe e gheibh e coire. Cluinn e a’ sanas ris fhéin mu theagasg mibheusach agus a chuidicheas peacadh. Cluinn e agus gabh iongantas ris an dànadas a bheireadh air fear-ceannairc ciontach breith a thoirt air naomhachd Dhé. Tha aireamh de dhaoinibh eucorach air an coimhead ann am priosain mu choinnimh uair an crochaidh, agus tha teachdaireachd a’ tighinn gu-n d’ thug an rìgh maitheanas dhoibh gu saor, agus tha iad ag ràdh nach gabh iad ri tròcair o ’n dh’ fhaodadh sin misneachd a thoirt do ’n pheacadh. Deadh-bheus! Ciod e an gnothuch-sa ris, a chleachd riamh droch-bheus? Tha iad beò ’s a pheacadh, agus gidheadh chuireadh iad dion ma ’s fior mu ’n cheartas ’s a chruitheachd! Na cealgairean! Am faigh duine fo dhìteadh coire do thròcair shaoir? Air do ghlùnaibh, a dhuine, agus aidich d’ eucoir am fianuis an Ti a ’s airde, oir is ann mar sin a mhàin a ruigeas tu air tròcair. Fhuair thu maitheanas air neo tha thu [TD 172] [MIOS MEADHONACH AN FHOGHAIR, 1879. TD 4] air do “dhìteadh a cheana;” agus mur teàruinn Iosa Criosd thu, fanaidh tu fo dhìteadh gu bràth. A pheacaich, cha-n urrainn dòchas bhi agad gu bràth ach anns an neach ud a bhàsaich air a chrann. Air do shon fhéin, bi cinnteach gu bheil thu cho peacach ’s is urrainn a bhi. Leig dhiot na h-uile dòchas á do dheanadas féin, á do rùintibh, d’ fhaireachaidhean, ’us eile, agus na seall airson sòlas o do nàdur féin na ’s mò na dh’ iarradh tu teine ann an carraig eigh. Amhairc air falbh uait fhéin gu Criosd, agus Criosd a mhàin, oir is i so slighe na slàinte. Bi air d’ fhaicill an aghaidh a’ chreidimh shleamhuinn gu-n do bhàsaich Criosd air do shon fhad ’s a tha thu iorasal, no fhad ’s a tha thu mar so no mar sud; oir ma labhras tu mar sin, an àite a bhi ag earbsadh á Criosd,is ann tha thu ag earbsadh á d’ ioraslachd féin, d’ fhaireachadh féin, agus cha-n ’eil fallanachd ’n ad chreidimh. Cha-n ’eil ni cosmhuil ri saor ghràs chum cridhe an duine ’atharrachadh. Faodaidh tu innseadh do ’n duine na tha e, agus na bhuineadh dha a bhi, agus fanaidh e gun ghluasad; ach innis da gu bheil Dia a’ coinneachadh ris mar pheacach caillte, ciontach, agus fo dhìteadh, agus a mhàin a chionn gu-n dean e tròcair orrasan air an dean e tròcair, gu bheil e a’ dubhadh as ’euceartan uile agus a pheacaidhean, agus a’ gabhail ris trid Iosa Criosd, agus bheir thu air cridhe an duine sin gu-n leum e le h-aoibhneas ’n a thaobh a steach. III. Criochnaichidh mi le ràdh, Bitheadh sinne, a chairdean ionmhuinn, a’ faireachadh, GU ’M BI E GLIC DHUINN A BHI ’GABHAIL RI TEAGASG AN STEIDH-THEAGAISG AGAINN. Aidichibh gur peacaich sibh. Am bheil sin ’cur dragh oirbh? Nach ’eil e soilleir dhuibh? Agus na aidichibh le ’r beoil a mhàin ach le ’ur cridhe. A pheacaich bhochda, cia b’ e thu, is ni simplidh so, nach eadh? ach na cuir uait e airson sin. Is e do bheatha e. Gheibh thu do bheatha ann air an uair, ma chuireas tu do dhòchas as an Tighearna. Am bheil thu ’cur an teagamh gur peacach thu? Ma tha, gabh do chead de dhòchas, oir cha d’ thainig Criosd chum do theàrnadh; ach ma ’s aithne dhuit gur peacach thu, tilg thu féin air Iosa a nis, dìreach mar a tha thu. “Thug sibh air falbh uainne na h-uile dòchas a bha riamh againn, agus cha-n ’eil sibh a’ deanamh dhinn ach peacaich.” Thug, is e sin tha uam. Is maith leam na h-uile ni tha fodhaibh a chrathadh gus am fairich sibh nach ’eil àite ann do bhonn ’ur coise ach tuiteam roimh’ ’n chrann-ceusaidh. Tuitidh an seann tigh so agaibhse, a leasaich sibh cho tric, mus teid mòran ùine seachad. Sguabaibh air falbh an t-iomlan. Cha-n ’eil ann ach Iosa! Cha-n ’eil ann ach Iosa! Cha-n fhaod sail, no cloch, no dealg, no tarrung a bhi ann de ’r cuid féin. Ciod e tha thu ag ràdh, a chomh-pheacaich? Am bi Criosd agad fhéin ’us agam fhéin? Bithidh e agamsa cia b’ e air bith ni thusa. Thig air adhart. Na pill air ais. Gabh na tha Dia ’toirt dhuit gu saor, agus o ’n là so earb a Criosd mar d’ fhear-saoraidh agus coinnichidh sinn ann an glòir. Amen. C. Spurgeon. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 173] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. TREAS MIOS AN FHOGHAIR, 1879. AM FOGHAR SEACHAD. [Dealbh] See page 3. BHA mi air mo ghairm le cabhaig, gu duine tinn a coimhead, le dian-iarrtus a mhàthar. Bha e mu shé bliadhna thar fhichead a dh’ aois, ’n a dhuine posda, le aon leanabh beag aige. Cha do bhruidhinn mi riamh ris. An uair a bhithinn a’ coimhead an teaghlaich, bhitheadh e o ’n tigh, no sheachnadh e mi. Bha e dichiollach, cinneachdail, agus mar dhuine an t-shaoghail, bha e fo chliù maith. Bha ’athair ’n a fhear-aicheaimh air an fhìrinn, agus lean a mhac e. Dh’ iarr a mhàthair uamsa gu-m bruidhinninn ris an t-seann duine, a fear-posda, cuideachd; ach gabh e a leith-sgeul ag ràdh nach robh tìm aige. Bha e uair ’us uair ’s an d’ fhàg e an tigh, agus ’s an do theich e do ’n achadh, an uair a chunnaic e mise ’tighinn. Rinn a mhac, a bha nis tinn, mar an ceudna, a réir mo bharail, gu mo sheachnadh. Bha e ’fuireach ’s an tigh le a phàrantaibh, aig an robh October 1879. “The Harvest Past” [TD 174] [TREAS MIOS AN FHOGHAIR, 1879. TD 2] aon mhac eile, gille mu dha bhliadhna dheug a dh’ aois. Choinnich a’ mhàthair mi, le a h-inntinn stolda, ach i ann am mòr thrioblaid. An uair chaidh mi stigh do ’n t-seòmar thionndaidh e ’aghaidh uam mar gu-n robh mi ’n am chulaidh-uamhais dha. Thairg mi mo làmh dha, ’us e leisg air a gabhail. Dh’ fhoighnich mi dheth mu a chor, ag radh gu-n robh mi an dòchas gu-m bitheadh e ’n a b’ fhearr a dh’ aithghearr. Le guth geur ’us neul an amhghair ghoirt air a ghnùis, thubhairt e, “Oh, gheibh mi bàs! Gheibh mi bàs!” “Tha mi an dòchas nach fhaigh,” ars’ mise, “leis an trioblaid so. Ni an lighich maith dhuit.” “Rinn an lighich na ’s urrainn e mar tha,” ars’ esan. “Thainig m’ uair! Cha-n urrainn mi bhi beò! Oh, gheibh mi bàs!” ’G a thogail fhéin suas, thilg e e fhéin air ais air an leabaidh, agus tharruing e an t-eudach suas air ’aghaidh. Dh’ fheuch mi rìs ri comhfhurtachd a thoirt da. Chuir mi ceist ’us ceist air. Cha do fhreagair e mi, ach a’ sìneadh a dha làmb suas, thog e e fhéin air an leabaidh, agus dh’ éigh e le guth làn amhghair ghoirt “Oh!” a fuireach fad air an fhocal. “An d’ thainig do phian air ais?” ars’ mise. Gun amharc idir orm dh’ eighe le guth eagallach “Oh! oh! oh!” Ghuil a bhean gu goirt, agus dh’ fhàg i an seòmar. Thubhairt mi an sin ris, “Tha Dia trocaireach. Is e fear-éisdeachd na h-ùrnuigh; agus ma tha thusa”— “Oh!” ars’ esan, a’ cur stad orm gu h-uamhasach. Rinn gach neach ’s an tigh cabhaig stigh do ’n t-seòmar. Am measg chàich bha a bhràthair beag, an t-aon neach air an d’ thug e feart. “An dean mi ùrnuidh maille riut?” ars’ mise. Thionndaidh e aghaidh uam ris a’ bhalla, agus a rìs thog e an t-eudach suas air a cheann. Lùb sinn ar glùn laimh ri a leabaidh, agus thug mise oidhirp air ùrnuidh a dheanamh air dhoigh ’us gu-m faodadh e fhaicinn, agus comhfhurtachd fhaighinn o bhi ’creidsinn, gu bheil tròcair aig Dia do pheacaich troimb Iosa Criosd ar Tighearn. An uair a dh’ éirich sinn o ’r glùnaibh, ghlaodh e mar a sheall e rium gu geur, “Cha-n ’eil maith ’s am bith ann am bhi ag ùrnuidh air mo shonsa.” Dh’ fhuirich mi dh’ fheuchainn an abradh e tuilleadh, ach cha d’ thubhairt, agus fhreagair mise, “Is e Dia fear-éisdeachd na h-ùrnuidh. Tha e ag iarraidh oirnn ùrnuidh a dheanamh ris. Cha d’ thubhairt esan nach ’eil maith ann am bhi ag ùrnuidh.” “Dh’ fhalbh mo là-sa!” ars’ esa. “Tha e ro anmoch dhomhsa! Tha e ro anmoch!” “Cha-n ’eil,” ars’ mise, “cha-n ’eil. Ma tha thu ag iarraidh tròcair Dhé, faodaidh tu ’fhaighinn. Tha Dia fhéin ag ràdh: ‘An neach leis an aill gabhadh e uisge na beatha gu saor.’ Bu chòir dhuitse smuaineachadh air bàs Chriosd airson pheacach—air tròcair Dhé.” “Tròcair!—tròcair!”—ghlaodh e; “is e sin tha ’deanamh mo chor cho uamhasach! Rinn mi fanoid air Dia! Na ’m bitheadh Dia a mhàin ceart, ghiulaininn e. Ach a nis an smuain gu bheil e tròcaireach, ni air an d’ rinn mi tàire, is e a ’s miosa uile! Cha-n ’eil tròcair ann tuilleadh air mo shonsa! Fad iomadh bliadhna dhiult mi Criosd! Chaidh mo là seachad! Tha mi caillte! Tha mi caillte!” “Is mearachdach do bheachd,” arsa mise. “Cha do chuir Dia crioch roimh a chuiridhean. Tha Criosd ag ràdh, ‘Thigibh do ’m ionnsuidhse, sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm uallaich.’” “Tha mo là-sa air dol seachad,” ars’ esan. “Cha-n ’eil,” arsa mise le guth cho treun ris fhéin. “Tha an Tighearn ag ràdh, ‘Feuch a nis an t-àm taitneach—a nis la na slàinte.’” “Cha-n ’eil sin air mo shonsa” ars’ esan. “Bha mo chothrom agam agus chaill mi e! Chaith mi mo là an diomhanas! Bha mi ’n am amadan fad mo latha, agus a nis tha mi a’ bàsachadh! Cha d’ iarr mi ach an saoghal! Dhiult mi éisdeachd ri Dia, agus a nis rinn e greim orm agus cha-n ’eil dol as agam!” Theich an teagh- [TD 175] [TREAS MIOS AN FHOGHAIR, 1879. TD 3] lach ’us iad air an gluasad gu mòr, as an t-seòmar. “Tha tìm agad fhathast gu ’iarraidh—gu aithreachas a dheanamh, agus gu teicheadh chum Chriosd.” “Is e sin a’ bharail agaibhse,” ars’ esan, “ach is ann agamsa is fhearr thu fios!” “Ghabh Criosd ris a’ ghaduich aig uair a bhàis,” arsa mise. “Tha Dia cho saoibhir ann an gràs ’us gu-n gabh e ris a’ pheacach aig an aon uair deug.” “Tha an aon uair deug seachad!” ars’ esan. “Is i so an dà uair dheug! Tha uair dioghaltais Dhé air tighinn! Bha m’ uair agamsa agus chaill mi i! Tha i uile air dol seachad! Ghràdhaich mi an saoghal a mhàin agus a nis is éigin domh fhàgail!” Mar a bha mi a toirt oidhirp air a dhearbhadh air gu bheil Dia tròcaireach, agus a’ toirt leam an Sgriobtuir chum sin, cha robh cudthrom iteig anns na thubhairt mi ris. Chuala a bhean ’s a mhathair ar comhradh, agus thainig iad air ais; agus dìreach mar a bha e ag ràdh nithean ro shearbh mu ’n ghràdh a bh’ aige do ’n t-saoghal, agus a ghòraich mhòr, thainig ’athair a stigh ag ràdh—“Carson a bhitheadh tu mar sin, agus nach d’ rinn thu olc riamh air neach ’s am bith?” “Na bithibh a’ bruidheann riumsa, ’athar,” ars’ esan, gu geur, mar gu-n robh fuath no fearg ann. Is sibh an namhad a ’s mò a bh’ agam! Rinn sibh mo mhilleadh! Thug sibh orm easumhlachd a thoirt do Dhia, agus dearmad a dheanamh air a’ Bhiobull! Thug sibh leibh mi air an t-Sàbaid a dh’ iasgachd, no a shealg, no a shiubhal feadh nan achaidhean, an uair bha mo mhàthair ag iarraidh orm dol do ’n eaglais. Thubhairt sibh rium nach robh ifrionn ann—gu-m bitheadh na h-uile air an tearnadh. Agus na bithibh’ feuchainn ri mo mhealladh na ’s fhaide! Rinn sibh an obair agaibh! Oh, na ’n d’ éisd mise ri ’m mhàthair ’us cha-n ann ribhse, cha bhithinn mar a tha mi! “Na guilibh, a mhàthar bhochda, na guilibh,” oir chual’ e i a’ gal. “Oh, bheirinn mile saoghal na ’n robh an diadhachd agaibhse agamsa—no eadhon roinn dhith—no ni coltach rithe! Ach tha mi caillte! Tha mi caillte! Dh’ innis sibhse dhomh, ’athar, nach robh ifrionn ann agus dh’ fheuch mi r’ a chreidsinn. Chaidh mi cuide sibh ann an aingidheachd, an aghaidh mo sholuis. Rinn mi gàire ri ifrionn agus tha ifrionn a’ deanamh gàire riumsa an diugh. Ni Dia dioghaltas air peacaich!” Thug ’athair oidhirp air bruidheann ris, “Sguiribh ’athair! Na bruidhnibh. riumsa! Cha mheall na breugan agaibh mise na ’s fhaide! Mhill sibh m’ anam! C’ àite am bheil mo bhràthair?” Fhreagair a bhean, “Tha e mach anns an lios, tha mi an dùil. An toir mi stigh e?” “Bheir, thoir an éigh air. Tha e òg. Tha mi airson innseadh dha gu-n a bhi ’creidsinn an ni a their ’athair ris. Bheir e a dh’ ifrionn e.” Thubhairt ’athair, a’ coimhead riumsa, “Bha ’leithid a dh’ fhiabhrus air o cheann ùine nis, agus ’leithid a phian ’s nach ’eil ’inntinn uile rianail.” “’Athair, cha-n ’eil dad ’tighinn ri ’m inntinn na ’s mò na ris an inntinn agaibh féin. Na meallaibh sibh féin. Ach cha-n ’eil sibh air ’ur mealladh. Is aithne dhuibh a’ chaochladh.” Aig an dearbh àm thainig a bhràthair beag, mu dha bhliadhna dheug a dh’ aois, stigh do ’n t-seòmair. Ghairm e air ’ainm e, agus sheall e gu caoimhneil ris, ag ràdh, “Thig an so, a bhràthair. Bha mise ’n am dhuine eucorach. Na dean thusa mar a rinn mi. Leugh am Biobull. Na dean mionnan, ’us na toir ainm do Dhé an diomhanas. Lean air a bhi ’dol do ’n eaglais air an t-Sàbaid. Bi umhal do ’d mhàthair an còmhnuidh. Thug m’ athair mise chum leir-sgrios. Na ’n do lean mise comhairle mo mhàthar, dh’ fhaotainn bàsachadh ann an sìth.” Ghuil am bràthair òg gu goirt agus ruith e mach as an t-seòmair. An uair a bha e ’bruidheann mar sud ri a bhràthair òg, dh’ eisd ’athair car uine, a réir coslais gun fhaireachadh ’s am bith, agus an sin chaidh e [TD 176] [TREAS MIOS AN FHOGHAIR, 1879. TD 4] mach gu sàmhach. Thubhairt mise an sin gu-n deanainn ùrnuidh ghoirid laimh ris mus fhàgainn an tigh. “Cha dean an so!” ars’ esan, gu daingean. “Ma ’s maith leibh ùrnuidh bhi agaibh, a mhàthair, bitheadh i agaibh ’s an t-seòmar eile. Na deanaibh an so i. Cha-n urrainn mise ùrnuidh a’ dheanamh. Dh’ fhalbh mo là! THA AM FOGHAR SEACHAD.” Dh’ fhàg sinn an tigh. Ach mu ’n deachaidh mi mach phill mi gu seòmar an duine thinn. Bha e sàraichte, mi-fhoistinneach a réir coslais. Thainig an lighich a stigh, chuir e ceist no dha, agus dh’ fhalbh e ag ràdh “gu-m bitheadh e na ’s fhearr màireach.” “Bithidh mi marbh màireach!” ars’ esan gu suidhichte. Moch air an ath mhaduinn, mar a chaidh mi stigh do ’n t-seòmar dh’ aithnich mi atharrachadh mòr air. Bha a ghuth iosal, tachda, bha ’anail goirid, tròm, a choslas mar neach le ’inntinn troimh chéile. Thairg mi ùrnuidh a dheanamh, agus fhreagair e, “Tha ùrnuidh ro anmoch—THA AM FOGHAR SEACHAD!” Thionndaidh e air a thaobh eile le sgal, agus luidh e le aghaidh ris a bhalla; agus ann am beagan ùine bha breislich air. Bha smuaintean goirt aige mu ’athair gu h-àraidh. Cha robh e idir air son ’fhaicinn. Bha ni eile aige a thaobh a mhàthar. Bha e caoimhneil r’ a mhnaoi us r’ a bhrathair beag. Dhearcadh e orra le tlachd, ach an uair a shealladh e r’ a athair bha e mar gu-m b’ e droch spiorad a bhitheadh ann. Chuir iad a dh’ iarraidh an lighich. An uair a thainig e, bha e marbh! A leughadair, cia cunnartach ’s a tha e a bhi ’dearmad na slàinte mòire a tha Dia a’ tairgseadh troimh Iosa Criosd! Mar a ’s fhaide a ni sinn e, is ann is uamhasaiche bhitheas a’ bhuaidh a gheibh namhad mòr ar n-anaman oirnn. Ma ni sinn dimeas air guth coguis, agus air ùghdarras fìrinn Dhé, tha Dia ag ràdh, “Is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs,” breitheanas, sgrios siorruidh; ach tha an diabhul ag ràdh, “Na creid e. Lean do dhoigh fhéin. Coma leat aithne naomh Dhé fhathast. Tha ùine gu leòr agad gu smuaineachadh mu ’n bhàs. Gabh do làn de thoilinntinn. Tha Dia tròcaireach.” Oh, a dhuine oige, leigidh Dia leat car ùine do shlighe fhéin a ghabhail. Tha e saor dhuit comhairle do dhroch cridhe a leantuinn agus a mhiann a shàsachadh; “ach bitheadh fhios agad airson na nithean sin uile, gu-n toir Dia thu chum breitheanais.” (Eccl. xi. 9.) Ach ma tha fuath aig Dia do ’n pheacadh, tha gràdh aige do ’n pheacach. Chuir Dia a Mhac do ’n t-saoghal a thearnadh pheacach, agus tha Iosa Criosd ’g an tearnadh le a bhàs ’n an àite. A chionn ’us gu-n do thoill iadsan am bàs, dh’ fhuiling esan e air an son. Ghabh e mallachd a’ pheacaidh air fhéin, agus bhàsaich e fo ’n mhallachd, (Gal. iii. 13;) air achd agus gu-m faod Dia a nis, ann an gràdh agus ann am fìreantachd, maitheanas saor a thoirt do ’n pheacach a ’s mò. A leughadair, am bheil thu a creidsinn so? An dean thu dearmad mata air slàinte mhòir a tha a nis, eadhon A NIS, mar a tha thu a leughadh nam briathar so, air a chathachadh ann an gràdh ort? Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, EDINBURGH. [TD 177] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1879. LEITHSGEULAN. Le D. L. MOODY. “Agus thoisich iad uile a dh’ aon ghuth air an leithsgeul a ghabhail.” (LUC. xiv. 18.) [Dealbh] See page 3. CHA luaithe thòisicheas neach air an t-soisgeul a shearmonachadh, na tòisichidh daoine ’us mnathan air “an leithsgeul a ghabhail.” Is e an seann sgeul e. Cha-n ’eil neach gun tearnadh ann nach ’eil a leithsgeul aige. Nan ruigeadh sinne gach aon diubh agus nam foighnicheadh sinn dhiubh, carson nach gabh iad ri cuireadh Dhé chum cuirm an t-soisgeil, bhitheadh an leithsgeul aca; agus mur bitheadh, chuidicheadh Satan leo ann am bhi ’g a dhealbh. Tha an soisgeul air a chur romhainn anns an fhìrinn mar chuirm. Air feasgair an fhoillseachaidh a th’ againn tha suipeir-bainnse Mic Dhé gu bhi ann. Is beannaichte an neach a bhitheas aig suipeir-bainnse an Uain! Cha-n e mhàin gu-m b’ e cuirm so, ach cuirm rioghail. Nan iarradh a’ Bhan-righ sibh gu cuirm shoghmhoir air a deasachadh chum onoir d’ a mac, cha-n ’eil duine no bean nach rachadh November 1879. “Excuses.” [TD 178] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1879. TD 2] ann. Ach tha ni an so a ’s mò na sin. Agus tha fios air so, an uair a ghairmeas duine feadhain gu cuirm, is e na cairdean a bheir e leis—an dream aig am bheil gràdh dha; ach tha Dia a’ gairm a naimhdean a ’s mò—an dream a rinn ceannairc ’n a aghaidh. Agus gidheadh gabhaidh daoine an leithsgeul. A nis bi onorach le Dia an diugh. Tha Dia firinneach; tha na their e seasmhach. Is e gairm onorach tha so. Mur e do rùn bhi aig an t-suipeir, carson nach abair thu sin? Carson a ghabhas tu do leithsgeul? Cha-n ’eil ann ach breug. Am bheil a h-aon agaibh a ’s urrainn leithsgeul reusonta a ghabhail? Ma tha, innis dhuinn e—carson nach gabh thu ris an t-slàinte. Togamaid cuis an triùr dhaoine sin, “a thoisich a dh’ aon ghuth air an leithsgeul a ghabhail.” Ciod e thubhairt an ceud fhear? “Cheannaich mi fearann, agus is éigin domh dol a mach agus ’fhaicinn.” Thubhairt neach àraidh, “Carson nach deachaidh e mach ’g a fhaicinn mun do cheannaich e e? Agus a nis gu bheil e aige, nach fhaod e dhol g’ a fhaicinn là ’s am bith; cha b’ urrainn do ’n talamh tàrsuinn as.” ’S e breug a bh’ ann ’s an aghaidh. Cha robh e airson dol a dh’ ionnsuidh na cuirme, agus dhealbh e an leithsgeul ud chum sìth d’ a choguis. Ciod e thubhairt an dara fear? “Cheannaich mi cuig cuing dhamh, agus tha mi ’dol g’ an dearbhadh; tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leithsgeul.” Carson nach do dhearbh e iad mun do cheannaich e iad? Agus a nis dh’ fhaodadh e an dearbhadh là ’s am bith. Is e breug eile a bh’ ann. B’ e leithsgeul an treas fir an leithsgeul a b’ amaidiche uile. “Phòs mi bean, agus air an aobhar sin cha-n ’eil e an comas domh teachd.” Carson nach tugadh e a bhean leis? Is e bh’ann nach robh e toileach a dhol idir. Mo chairde, am bheil leithsgeul agaibhse a sheasas ri aghaidh solus na bithbhuautachd? Am bheil eadhon leithsgeul agad a tha taitneach leat féin. Dealbhaidh daoine na h-uile gné leithsgeil, ach cha-n urrainn duine beò leithsgeul maith a dhealbh. Bitheadh duine air a ghlacadh le trioblaid ghoirt, thigeadh am bàs dlù dha, agus cha-n fhad a dh’ fhanas na leithsgeulan. Bu mhaith leam cuid de na leithsgeulan a tha cumanta an diugh a thoirt leam. Tha a h-aon diubh ro chumanta: “Cha toil leam am ministear no an searmonaiche.” Ach ciod e an gnothuch th’ aig sin ris? Ciod e do ghnothuch ris an teachdair? Abraibh gu bheil giullan ’tighinn thugamsa le teachdaireachd mhaith—naigheachd mhaith o ’n mhnaoi agam. Cha-n ’eil mi ’sealltuinn ri cò thug leis i. Faodaidh e bhi dubh no geal, cha bhuin sin domhsa. Is e an teachdaireachd mo ghnothuch. Nach ’eil e fior gu bheil Dia ’g ad ghairm gu cuirm? Carson a shealladh tu ris an teachdair? Is i a’ cheist, Am bheil thu toilichte an teachdaireachd a ghabhail o Dhia? Tha seòrsa eile ann, a tha ag ràdh, “Ma ta, is ro mhaith leamsa an saoghal; agus ma leanas mi an diadhachd, bithidh agam ris na h-uile toilinntinn a thoirt thairis, agus a dhol troimh an t-saoghal le aghaidh ghruamaich, gun ghàire a dheanamh gu bràth. Bithidh m’ aoibhneas uile uam.” Is e tha mise airson a ràdh an so nach robh breug bu mhò riamh ann na sin. Cha chuir e gruaim air duine bhi ’n a leanabh do Dhia. Is e bhi gun Chriosd a dh’ fhàgas daoine gruamach. Leithsgeul eile: “Mata bu mhaith leam bhi ’n am Chriosduidh, ach is ni ro chruaidh e. Dh’ fheuch mi gu tric ris.” Innsidh mise dhuit ciod e bha thu a’ deanamh; bha thu ’feuchainn ri seirbhis a dheanamh do Dhia leis an t-seann inntinn fheòlmhoir. Is ni do-dheanta sin; ach leis a’ chridhe nuadh bheir Dia dhuit cumhachd, agus cha bhi thu a’ bruidheann an sin air e bhi cho ro chruaidh seirbhis a dheanamh dha. Is e breug eile a th’ ann. Am bheil thu ’dol a ràdh gu bheil Dia ’n a mhaighistir cruaidh? Ma tha mise ’leughadh mo Bhiobuill gu ceart is e slighe luchd-eusaontais tha [TD 179] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1879. TD 3] cruaidh. (Gnàth. xiii. 15.) Is e an diabhul tha ’n a mhaighistir cruaidh. Is e. “Tha slighe luchd-eusaontais cruaidh.” Cha-n atharraichear focal Dhé. Ma tha thu ’g a chur an amharus, a dhuine oige, rach agus foighnich de ’n traill bhochd a tha gu luath a’ coiseachd a dh’ ionnsuidh ifrinn a’ mhisgeir. Rach agus foighnich de fhear na neoghloine, agus de dhuine an t-saoghail; foighnich de ’n fhear-cluiche chairtean, agus de fhear na toibheim. Le aon ghuth their iad gu bheil an t-seirbhis cruaidh. Tha duine eile ann a tha ag ràdh, “Cha-n e sin mo cheist. Is aithne dhomsa duine a bhuineas do eaglais aideachail Chriosd, agus thug e cuig puinnd Shasunnach uamsa gu h-eucorach o chionn beagan bhliadhnachan. Tha cealgairean ’s an eaglais, agus cha ghabh mi gnothuich rithe.” Mata gheibh mise dhuit da chalgair ’s an t-saoghal airson na h-uile h-aon a gheibh thu ’s an eaglais. Ach, cha-n ann do ’n eaglais tha mise ag iarraidh ort a thighinn— cha-n e nach ’eil meas agam air an eaglais,—ach tha mi ’g ad iarraidh gu suipeir-bainnse an Uain. Thig gu Criosd an toiseach, agus an sin labhraidh sinn riut mu ’n eaglais. Bha riamh, agus bithidh cealgairean ’s an eaglais. Ach cha bhi aon chealgair aig a’ chuirm so; agus ma ’s maith leat cuideachd nan cealgair a sheachnadh, dean cabhaig agus thig gu Criosd. Ach tha fear eile ann, Phairiseach féin-fhìreanta a tha ag ràdh, “Cha-n ’eil mise ’tuigsinn a’ chainnt mhòir so mu iompachadh. Tha mise maith gu leòr mar a tha mi. Cha-n ’eil feum agam air.” Agus fillidh e e fhéin ann a luideagaibh salach, agus measaidh e gu bheil e glan am fianuis Dhé. Mo charaid, tha focal Dhé ag ràdh, “Cha-n ’eil fìrean ann, cha-n ’eil fin a h-aon.” Ach tha leithsgeul eile an so. Mar urrainn an diabhul ’toirt air duine a chreidsinn gu bheil e maith gu leòr gun a bhi air a theàrnadh, innsidh e dha an sin gu bheil e cho dona nach gabh an Tighearn gnothuch ris gu bràth. “Bu mhaith leam,” ars’ esan, “bhi air mo theàrnadh, ach tha mi ro dhona.” Sin agad breug eile. Carson, ciod e tha na Sgriobtuirean ag ràdh? “Bhàsaich Criosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh.” (Rom. v. 6.) “Thainig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a theàrnadh pheacach.” (1 Tim. i. 15.) Leugh mi uair mu fhear-deanamh dhealbh a bha ag iarraidh dealbh a Mhic Struidheil a tharruing. Shir e na tighean-chuthaich, agus na tighean-bhochd, agus na priosainean, dh’ fheuchainn am faigheadh e neach cho truagh ’us gu-m freagradh a dhealbh, ach cha d’ fhuair e a h-aon. Mu dheireadh thachair e ri duine truagh ag iarraidh dheirce, a shaoil leis a fhreagradh. Dh’ aontaich an duine bochd, agus shuidhich iad là air am frithealadh e aig tigh fear nan dealbh. Thainig an là, agus thainig duine gus an tigh. “Chord sibh riumsa tighinn an diugh,” ars’ esan. “Sheall an duine eile ris. Cha-n fhaca mise riamh roimhe thu,” ars’ e. “Chunnaic,” ars’ an duine bochd, “chord sibh rium bhi so an diugh.” “Cha-n urrainn sin a bhi, is e duine eile a chord riut. Is e fear-iarraidh dheirce bha mise gu fhaicinn.” “Mata, is e sin mise.” “Thusa.” “Seadh, mise.” “Ciod e rinn thu riut fhéin, mata?” “Shaoil leam gu-m b’ fhearr dhomh beagan deasachaidh dheanamh orm fhéin mu ’n tighinn.” “Mata, cha-n ’eil mise ’g ad iarraidh a nis,” ars’ an duine eile. “Bha mi ’g ad iarraidh mar a bha thu. A nis, cha dean thu mo ghnothuch.” Is ann mar sin a tha Criosd ag iarraidh na h-uile peacach bhochd, dìreach mar a tha e. Ach tha leithsgeul eile ann fhathast: “Bu mhaith leam tighinn, ach cha-n ’eil mi ’g am fhaireachadh fhéin ceart.” Is tric a chleachdar an leithsgeul ud,—Faireachadh, faireachadh, faireachadh! Abair gu bheil caraid ’g am iarraidhse gu dinneir an diugh, agus is e their mise, “Bhithinn ro thoileach mo dhinneir a ghabhadh cuide ribh, ach cha-n fhiosrach mi gu bheil mi ’g am fhaireach- [TD 180] [CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1879. TD 4] adh fhéin uile ’us uile ceart.” “Ciod e tha ’tighinn riut?” “Bhithinn ro thoileach dhol ann, ach cha-n ’eil mi ’g am fhaighinn fhéin ceart.” Agus is ann mar sin their daoine nis. “Bu mhaith leam dhol a fhlaitheanas, ach cha-n ’eil fhios agam gu bheil m’ fhaireachadh ceart.” Ach mo chairde, ma tha sibh ag iarraidh dhol ann, tha Dia ’g ’ur gairm, agus is e sin uile e. Ach tha mo charaid a ’cur iompaidh ormsa tighinn, agus leanaidh mise air a ràdh, “Cha-n ’eil fhios agam gu bheil m’ inntinn ann an suidheachadh ceart.” Theireadh e, “Tha eagal orm nach ’eil Mr. Moody ’n a bheachd. Dh’ iarr mi e gu a dhinneir cuide rium, agus ann an àite freagairt soilleir thoirt domh, lean e air bruidheann mu ’fhaireachadh, fad na h-uaire!” Faodaidh tu gàire a dheanamh, ach is ann mar sin bhitheas daoine a’ bruidheann. Mo chairde, tha Dia os cionn faireachaidh. Faodaidh Satan ar faireachadh atharrachadh leth-cheud uair ’s an là, ach cha-n urrainn e focal Dhé atharrachadh; agus is e tha uainne ar dòchas á gloire a mhealtuinn ’fhaighinn air a steidheachadh air focal Dhé. Amhairc air an earrainn so: “Gu deimhin, deimhin, tha mi ag ràdh ribh, an ti a dh’ éisdeas ri m’ fhocal-sa, agus a chreideas airsan a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e chum ditidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.” (Eoin v. 24.) Is fearr sin na na h-uile faireachadh a bh’ agad ri do bheò. Is smuain cudthromach e, gu-n gabh Dia do leithsgeul, ma ’s maith leat e. Cha-n ’eil e ag iarraidh a dheanamh, ach ni e e. Seadh, tha e furasda gu leòr a ràdh, “Guidheam dhiot mo leithsgeul a ghabhail;” ach ann an ùine ghoirid faodaidh Dia dheanamh mar a dh’ iarr thu, agus a ràdh, “Gabhaidh mi do leithsgeul.” Agus anns an t-saoghal chaillte, ’n uair a shuidheas an dream a ghabh r’ a chuireadh sios maille ris aig suipeir-bainnse an Uain, bithidh tusa ag éigheachd am measg na muinntir a dhitear, “Tha am foghar air dol seachad: tha an samhradh criochnaichte, agus cha-n ’eil sinn air ar teàrnadh.” Thig dìreach mar a tha thu, agus gabh ris an tairgse. Bi cinnteach, cia b’ e a ni thu, nach bi thu air d’ fhaotainn air falbh o shuipeir-bainnse an Uain. Bithidh do mhàthair dhiadhaidh an sin. A nighean òg, am bheil thu airson gu-n rachadh do leithsgeul a ghabhail? Gabhaidh e e. Faodaidh tu a chur am beag suim a nis, ma ’s aill leat. “Oh, cha-n e sin mo chleachdadh, cha d’ rinn mi riamh e.” ’Nach d’ rinn? Ruigeadh cuireadh gu dinneir ormsa màireach. Tha mi a’ reubadh na litreach; cha-n ’eil mi ’g a freagairt; cha-n ’eil mi ’toirt feart oirre. Nach e sin a cur am beag suim? Na leig le saoghal làn diomhanais, fochaid, ’us gaireachdaich, fanoid a dheanamh air d’ anam chum bàis shiorruidh. Dean mar a rinn am fear-turuis aig Eoin Buinian, a dh’ fhàg Baile Sgrios, ag éigheach, “Beatha, beatha, beatha shiorruidh!” Abair “Tre ghràs Dhé bithidh mise aig suipeir-bainnse an Uain.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 181] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1879. AN NAOMH PADRUIG. [Dealbh] See page 2. RUGADH Padruig urramach, abstol Eirinn, mu thimchioll na bliadhna 373, agus chaochail e mu’n bhliadhna 465. Tha ceist ann mu àite a bhreith. Their cuid gur ann an Alba bha e, air Srath Cluaidh mu Dhuinbhreatuinn, agus their cuid eile gur ann am Breatuinn na Frainge bha e. Ach tha e soilleir gu-n robh ’athair agus a sheanair ’n an teachdairean ’s an Eaglais. Tha e fhéin ’toirt beagan cunntais m’ a phàrantaibh agus mu laithean ’oige, ann an leabhair beag ris an dubhairt e “Aideachadh,” agus a tha ann fhathast. Tha e ag ràdh gu-n robh pàrantan diadhaidh aige, a theagaisg dha slighe na slainte, agus a rinn ùrnuidh air a shon, ach bha esan gun chùram. “Bha mi mar chlach anns an eabar thiugh, gus an d’ thainig esan a tha cumhachdach, agus a thog e suas mi ann a thròcair.” Ach ciamar bha sin air a dheanamh? An uair a bha e December 1879. “St. Patrick.” [TD 182] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1879. TD 2] mu shé bliadhna deug a dh’ aois, bha e a’ cluicheadh cuide ri gillean beaga eile air tràigh na mara, agus chuir soitheach á Eirinn daoine air tìr a leum air na gillean, a cheangail iad le buill, agus a thug leo iad a dh’ Eirinn. An sin fad shé bliadhna, b’ éigin da bhi ’n a bhuachaill caorach mar thraill ann an àite air am bheil Bailemena an Siorramachd Anntruim. Fad nam bliadhnachan ud lean e na caoraich aig bun agus air dà thaobh Sliabh Mise ann am bochdainn agus truaigh mhòir. Ach is ann an sin thoisich e air meadhrachadh air an fhìrinn a theagaisg a phàrantan dha. Cha robh aige ach beag comhfhurtachd ’n a chrannchur, agus mar sin o là gu là am measg nan caorach, chuimhnicheadh e na chuala e agus na leugh e aig an tigh. Dhuisg an Spiorad Naomh ann beo-mhothachadh air peacadh, dhearbh e air cho ciontach ’s a bha e ann an diochuimhne a dheanamh air an t-Slànuidhear, agus threòraich e e nis chum fois a ghabhail anns an t-Slànuidhear ud. Tha e ag innseadh dhuinn gu-n d’ fhuair e slàinte; “agus mar a mheudaich creidimh, agus gràdh, ’us eagal Dhé, o là gu là, agus mar a dh’ fhàs spiorad na h-ùrnuidh ann, gus am b’ urrainn e ùrnuidh a dheanamh ceud uair ’s an là.” Tha e ag ràdh, “B’ abhaisd dhomh dol a dh’ ionnsuidh nan coilltean, no do ’n bheinn, ag éiridh gu tric roimh là, chum ùrnuidh, eadhon am measg reothadh, ’us sneachd, agus uisge, agus cha d’ fhuiling mi cron ’s am bith. Cha robh leisg annam, mar a tha an diugh, oir bha an Spiorad a’ losgadh annam.” Bha fadachd mhòr air bhi air fhuasgladh o bhraighdeanas, mar a bh’ air Eoin Neuton ann an Africa, agus dh’ fheith e airson cothrom dol as. Mu dheireadh ’n uair bha e dà bhliadhna thar fhichead a dh’ aois, dh’ fhàg e a mhaighistir, agus theich e gu tràigh na mara, far an d’ fhuair e soitheach ullamh gu seòladh. Dhiùlt an caiptean a thoirt leis, agus bha e dìreach gu falbh, “ach mar bu ghnàth leam chuir mi suas ùrnuidh.” Cha mhòr gu-n do theirig an ùrnuidh ’n uair a chual’ e fear de na seòladairean ag éigheach ris: dh’ aontaich an sgioba a thoirt leo, agus a chur air tir ’n a dhùthaich féin. An deigh dha bhi dà mhios a’ siubhal na dùthcha, rainig e a dhachaidh, far an d’ fhuirich e deich bliadhna. Ach a nis chuimhnich e le inntinn eile an tìr far an robh e am braighdeanas agus ’n a thràill, agus rinn e ùrnuidh airson sluagh na h-Eirinn. Dh’ éirich deigh mhòr ’n a chridhe air a dhol ann, agus slighe na slàinte a dheanamh aithnichte ann. Smuainich e air; bha bruadaran aige uime; bha e a’ faicinn nan Eirionnach bochda, aineolach (cosmhuil ris an duine o Mhacedonia), ’n an seasamh roimhe, agus ag ràdh, “Thig thairis, agus cuidich leinn.” Agus bha e air a threòrachadh gu bhi ’g a thoirt fhéin seachad do shearmonachadh an t-soisgeil ann an Eirinn. Tha e ag radh ’n a “Aideachadh” air dha bhi fo fhiachaibh do Dhia, a bhuin gu caoimhneil ris, gu-n robh fadachd air gus am faiceadh e coimhlionadh leithid briathran Ieremiah xvi. 19: “A d’ ionnsuidhsa thig na Cinnich o chriochaibh na talmhainn;” agus Isaiah xlix. 6: “Bheir mi thu fòs mar sholus do na Cinnich, gu bhi a’ d’ shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.” Rannsaich e na Sgriobtuirean Naomha, agus chuir leughadh focal Dhé a chridhe ’na theine. Chaidh leis gu luath ’n a obair, ged a bha e gu tric an cunnart, agus air uairibh ann am priosain, agus iad a’ bagradh a mharbhadh. Agus cha-n iongantach ged a shoirbhich leis, oir b’ urrainn e a ràdh ann an sealltuinn air ais air na dh’ fhalbh d’ a bheatha, “Is urrainn mi a ràdh le dearbhachd, agus is urraiun mi aoibhneas a dheanamh os a chionn an làthair Dhé agus ’ainglean naomha, nach robh ni agam ’s an amharc ann am pilltinn a dh’ ionnsuidh na tìre as an do theich mi, ach an soisgeul agus a gheallaidhean.” Goirid an deigh dha dol air tìr bha [TD 183] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1879. TD 3] uachdaran na dùthcha mu Dhunphàdruig air iompachadh le a theagasg; agus gus an là an diugh tha mirean briste de ’n tigh, far an do thionail na ceud Chriosduidhean, ri fhaicinn. O àm gu àm bha mòran ’g an leantuinn. Tha e air a ràdh gu-n deachaidh e gu tric gu baile beag, agus le fuaim druma, no a leithid, gu-n do thionail e an sluagh, agus gu-n do shearmonaich e Criosd dhoibh mar a rinn Philip ann an Samaria. (Gniomh. viii. 5.) An uair a bha e iomadh bliadhna mar so, chuala e gu-n robh tionail mhòr de chinn-cinnidh agus maithean na dùthcha aig an lùchairt rioghail an Teamhra. Rùnaich e dhol ann, agus cothrom a ghabhail air sgeul an t-soisgeil innseadh “ann an tallaibh Theamhra.” Acb b’ iad na Draoidhean an uair sin sagartan na tìre, agus bha iad fad an aghaidh na fìrinn,—a’ toirt fuatha do ’n teagasg ùr a bha ag innseadb gu-n do chuir Dia a mhac fhéin do ’n t-saoghal a thearnadh pheacach, le e fhéin a thoirt air an son. Air an rathad rinn e iomadh ùrnuidh; agus tha e fhéin ag innseadh m’ a dhùrachd an là rainig e an t-àite. Tha an ùrnuidh ’s a Ghaelig Eirionnaich (an sgriobhadh a ’s sine a th’ innte), agus tha i mar so:—“Aig Teamhra, an diugh, gu-n deanadh cumhachd Dhé mo sheòladh; foghainteas Dhé mo chumail suas; gliocas Dhé mo theagasg; suil Dhé mo chaithris; cluas Dhé mo chluinntinn; gu-n tugadh focal Dhé luathas dhomh; gu-n deanadh lamh Dhé mo dhion; slighe Dhé mo choimhead; sgiath Dhé mo chòmhdach; ainglean Dhé mo ghleidheadh o ribe nan deamhan, an aghaidh buairidhean nan anamiann; an aghaidb tograidhean droch nàduir; an aghaidh an duine a dheanadh mo chron.” Agus an sin tha e ag ùrnuidh a rìs, “Gu-n deanadh Criosd mo dhion an diugh an aghaidh nimhe, losgaidh, bàthaidh, us lotan. Gu-n robh Criosd maille rium! Criosd romham! Criosd as mo dheigh! Criosd annam! Criosd fodham! Criosd os mo chionn! Criosd aig mo laimh dheis! Criosd aig mo laimh chli! Criosd ann an ceann na h-uile duine a smuainaicheas orm! Criosd ann am beul na h-uile duine a labhras umam! Criosd anns na h-uile sùil a chì mi! Criosd anns na h-uile cluais a chluinneas mi!” Chaidh e air adhart anns an spiorad ud agus bheannaicheadh e. Dh’ éisd a’ choinneamh mhòr ris; shearmonaich e dhoibh Criosd air a cheusadh, ag innseadh sgeul a’ chroinn-cheusaidh, “Is fior an ràdh so, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gu-n d’ thàinig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a thearnadh pheacach.” Tha e air aithris gu-n do chaomhnadh corr ’us leth-cheud bliadhna e a’ dol o àite gu àite an Eirinn, a’ labhairt mu Chriosd; agus an uair a tha aon seann fhear-eachdraidh ag innseadh mu na 365 eaglaisean a shuidhich e, agus do ’n do ghleidh e teachdairean agus seanairean, tha càch uile ag innseadh ’s an là aige-se gu-n deachaidh an seann chreidimh a chur as an tìr. Tha e air a thiodhlacadh ann an Dunpbàdruig, an siorramachd Dhùin. Cha do shearmonaich e riamh ach an soisgeul féin. Cha robh focal aig mu pheanas, no purgutarachd, no mu ùrnuidhean ris an Oighe Muire, agus a leithid sin. Oir tharruing e a theagasg o ’n Bhiobull; agus is ann mar sin a thuigear ciod e a thaitneas ri Dia. “Rannsaichidh na Sgriobtuirean,” ars’ an Tighearn Iosa, (Eoin v. 39,) “oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh anntasan; agus is iad sin a tha ’toirt fianuis mu ’m thimchioll-sa.” An uair a leughas sinn gu stòlda na Sgriobtuirean, tha sinn mar dhaoine a ruigeas tobar uisge, a’ faighinn uisge mu choinnimh ar tart. An sin ni sinn suidhe; tarruingidh sinn, òlaidh sinn, agus bithidh tòiseach tuigse againn air na briathraibh, Isaiah lv. 1. B’ e stéidh-theagaisg Phadruig “Criosd,”—cuspar, aon chuspar a mholaidh. Oir is e sin am fior dhiadhachd. An e suim do dhiadhachd- sa “CRIOSD?” Ciod e do fhlaitheanas? An e “Criosd?” [TD 184] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1879. TD 4] Faodaidh bhi nach ’eil thu ’cur samhladh croinn-ceusaidh, no iodhail ann an àite Chriosd; ach ciod e ma tha an fhéin, ann an coslas air choreigin, ’n a roinn de ’d dhiadhachd? agus d’ aoibhneas mòr cha-n ann anns na tha Criosd, ach anns na tha thu fhéin. Labhair Padruig diadhaidh, cia b’ e àite ’s an robh e, mu ’n Athair, mu ’n ’ Mhac, agus mu ’n Spiorad Naomh. Thogadh e duilleag de ’n t-seamrag mar shamhladh air na tri pearsaibh ann an aon Dia. Is e so co dhiubh an seann sgeul; agus is fior gu-m bu thaitneach leis bhi ’toirt onoir do Athair, ’us Mac, ’us Spiorad, ’n uair nach robh aon fhocal aige mu chuideachadh o Mhuire, no o naoimh no ainglibh. Bha Padruig cumhachdach ann an ùrnuidh. Agus b’ e ùrnuidh aige-se i an cleachdadh bidheanta. Bha e coslach ri Eliah a’ direadh Charmeil, chum ùrnuidh dheanamh an sin. Tha mòran againne a ni ùrnuidh cuide ri càch, anns na coinnimhean no anns an teaghlach, ach nach ’eil cho eudmhòr no cho tric ’n a ceann, ann an uaignidheas, agus nach urrainn a ràdh gach là gu-n do bhuanaich sinn mòran maoin le ùrnuidh agus athchuinge. Tha mòran, gu h-àraidh an Eirinn a labhras mu Phadruig agus a mholas e, agus a ni uaill as, do nach aithne an Slanuidhear a ghràdhaich esan. Agus mar sin tha mòran againn a mholas an Biobull, nach gabh stigh do ’n chridhe na fìrinnean-tearnaidh a ’ th’ ann. Is aobhar eagail gu-m faigh mòran, aig là a’ bhreitheanais, gu-m bi Padruig naomh dhoibhsan mar a tha Criosd ag ràdh bhitheadh Maois do Iudhaich a latha-sa. (Eoin v. 45, 46.) Agus faodaidh lionmhor againn fhaicinn mu dheireadh, gur aon ni a bhi ’dion agus a’ moladh a Bhiobuill mar an aon riaghailt, an aon iùil chum glòire, agus ni eile a bhi gu h-iorasail a’ gabhail ris an teisteas a tha e ’toirt a dh’ ionnsuidh pheacach. An uair a bha sinn òg thugadh sinn a dh’ fhaicinn duine dalla aig an robh ’leithid a chuimhne ’us gu-m b’ urrainn e na h-uile focal a tha ’s an Tiomnadh Nuadh ’aithris; agus gidheadh cha b’ fhior chreidmheach e, oir bhriseadh e mach air uairibh le mionnan, gun nàire. Ma bhàsaich e mar bha e beò an sud, cha bhi aon ni na ’s seirbhe aig an duine ud fad na siorruidheachd na an Tiomnadh Nuadh, a thug e leis mar sud,—agus is eagallach e ri ràdh,—a dh’ ifrinn! Na deanadh pobull an Tighearna dearmad agus na deanadh iad tàire air anam ’s am bith airson a bhi bochd agus truagh ann an coslas. Ma bhitheas an t-anam sin air a chosnadh do Chriosd, faodaidh e bhi ’n a mheadhon air ceudan a tharruing a dh’ ionnsuidh an t-Slànuidhir; oir (mar a thubhairt neach) “faodaidh éiridh o aon chnò-dharaich coille dharach, agus le aon anam air ’aithbhreith faodaidh ceudan ’us miltean bhi air an tionndadh chum an Tighearna.” Agus ciod e mu’ d’ thimchioll féin? “Oir ciod an tairbhe a th’ ann do dhuine ged a chosnadh e an saoghal uile, agus ’anam féin a chall? No ciod i a’ mhalairt a bheir duine airson ’anama?” Tha CRIOSD a’ foighneachd. Ciod e am freagradh agadsa? Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 185] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. A’ BHLIADHNA UR, 1880. CIOD E MO DHOCHAS? [Dealbh] “BHA dòchas agam gu-m bithinn a chionn so aig a’ mhullach,” arsa seann duine, a chaidh, air maduinn àluinn foghair, a dhìreadh beinne a bha air cùl a thigh. Ach chaill e an t-slighe, agus is ann a bha e na ’s fhaide o ’n mhullach na bha e an toiseach. Thill e sgìth agus mi-thoilichte. Cleas an dream mu ’m bheil Iob a’labhairt, “Bha e fo amhluadh a chionn roimhe siu gu-n robh dòchas aige.” “Bha dòchas agam a chionn so gu-m bithinn sona,” arsa duine òg, mar a shuidh e aig stiùr a shoitheich fhéin, agus mar a sheòl i gu taitneach leis ri là grianach. Leis an òr aige uile, agus an toilinntinn a ghabhadh ceannach leis, bha e na ’s truaighe na bha e deich bliadhna roimhe, ’n uair a thòisich e air “a là a chaitheamh gu soghail.” Cha b’ aithne dha an t-slighe agus bha ’anam falamh. Rinn e osnadh ’us sheall e timchioll air na tuinn ghorma gu diomhain; cha robh January 1880. “What is my Hope?” [TD 186] [A’ BHLIADHNA UR, 1880. TD 2] cabhar annta dha. “Bha e fo amhluadh a chionn roimhe sin gu-n robh dòchas aige.” Chaill e an t-slighe. Chaidh iomadh bliadhna seachad, agus bha e ’dol na ’s fhaide as o shonas. Cha robh Dia ’n a smuaintibh uile. “Bha dòchas agam a chionn so gu-m bitheadh sìth agam ri Dia,” arsa duine, mu thri fichead bliadhna dh’ aois, maduinn Sàbaid ’us e ’dol a stigh do ’n eaglais. Ach bha e mar gu-m bitheadh e na b’ fhaide as o shìth na bha e riamh; agus b’ aobhar mulaid da an aois a bhi ’tighinn air, ’us e gun ullachadh airson na siorruidheachd. Cha d’ aithnich e an t-slighe. Shaothraich e, dh’ asluich e, agus thraisg e, agus rinn e oibre maithe; rinn e na h-uile ni ach an aon ni,—cha do ghabh e Criosd. Cha do mheas e na h-uile ni ’n a chall airson Chriosd; cha do shocraich e ’anam air an aon bhunait. Is e beatha deanadais, agus cha-n e beatha creidimh a bh’ aige; làn teagaimh ’us cha-n ann làn earbsa; agus “bha e fo amhluadh a chionn roimhe sin gu-n robh dòchas aige” Dh’ fhaodadh Criosd a bhi aige o chionn fada, ach b’ fhearr leis a dhoigh féin, agus lean e air a bhi “tairgseadh deagh-ghean Dhé a chosnadh le oibribh maithe. Ach cha d’ fhuair e sìth; agus cha ghabhadh e ris an t-sìth a choisinn Aon-ghin Mhic Dhé airson a pheacaich. Is aon ni dòchas bhi aig neach, ach is ni eile an dòchas a bhi fior. Is e am fior dhòchas, dòchas a tha a reir foillseachaidh Dhé a thaobh na tha romhainn. Is mòr a sgriobhadh mu “thoilinntinnibh an dòchais;” agus is mòr a chaidh a ràdh mu ’n déighinn a tha fior; oir is lionmhor iad, agus leanaidh daoine riu eadhon ann an là an dorchadais, agus an eudòchais. Cha-n ’eil e ’n a ni micheart a bhi ag altrum dòchais. Chuir Dia dòchas ’s na h-uile cridhe; agus tha mòran ann an leabhair Dhé m’ a thimchioll, agus mu “na nithibh ris am bheil dòchas.” “Is maith gu-m bitheadh dòchas aig neach,” ars’ am fàidh. Is iad “Bitheadh dòchas agad, a nis! Bitheadh dòchas agad, a ghnàth!” focail geura a thug misneach do mhòran. Is e an dòchas “acair an anama;” agus tha e ann an iomadh dealbh agus ann an iomadh samhladh air a leigeadh ris mar sin—mar acaire a tha an greim laidir air tìr, agus a’ coimhead soitheich a tha air a luasgadh le gaoith ’us tonn. Ach gu bhi ’n a acaire do ’n anam feumaidh an dòchas bhi na ’s cinntiche na an ni ris an abair daoine dòchas mar is tric. On cha-n ’eil ann an dòchas an duine gu minig ach tòradh a mhac-meanmhuinn féin; agus an uair a dh’ éireas e os cionn sin, agus an uair a tha e a’ gabhail gnothuich ri ni laghail, fior, cha-n ’eil earbsa ri chur as, agus cha mhair e ach car seal. Meallaidh e ach cha shàsaich e. Is ann a ni e fochaid airsan a dh’ earbas as. Cha-n fhan e, ach siubhlaidh e, gun ni fhàgail as a dhéigh ach cridhe falamh, goirt. Tuitidh e as a cheile dheth fhéin, agus an uair nach bean lamh ris, agus nach claoidh stoirm e. Cha-n ’eil earbsa ri chur as fad là. “Diomhanas nan diomhanas, ars’ an Searmonaiche, agus is diomhanas na h-uile ni.” Air feasgar foghair uaireigin, mu luidhe gréine, chunnaic mi gu h-obann bogha braoine. Bha e mar gu-n éireadh e as na neoil dhubha a bha an crochadh anns na speuraibh agus bha e cho coimhlionta ’us gu-n do ghlac e m’ aire: oir cha robh aon ni uaithe a thaobh dath no dealbh. Ach ma bha e cho soilleir cha b’ fhad a mhair e. Cha mhòr gu-m faca mi e, ’n uair a theich e. Bha am bogha maiseach ud coslach ri dòchas an duine, cho diomain ’s a bha e maiseach, cho meallta ’s a bha e gealltanach. Leagh e as anns na speuraibh, ged nach do bhean làmh ris, agus nach do chlaoidh na siàntan e, gun aon ni fhàgail, ach an neul glas, a shoillsich e car bheagan ùine. “Ciod e an duine?” is e thubhairt e. Ciod iad dochasan, aoibhneasan, agus rùintean an duine? Eiridh iad agus tuitidh iad; thig iad ’us theid iad; dealraich- [TD 187] [A’ BHLIADHNA UR, 1880. TD 3] idh iad agus pillidh iad gu dorchadas. “Tha na nithean a chithear aimsireil.” Is cuimhne leinn aon là sonraichte ann am fàsach Shinai,—cha-n e là uisge mhòir, ach là frasach, le boillsgeadh de sholus gréine eadorra. Os cionn creagan arda dubha, air ar laimh chlì, bha ceò tana an crochadh, no a’ gabhail seachad gu mall air na creagaibh. Lean bogha braoine maiseach bogha braoine; sé no seachd dhiubh a’ tighinn ’us a ’dol—na nithean bu mhaisiche ach bu diomaine a chunnaic mi riamh; cho coltach ri ni a mhaireas, ach gun mhairsinn aige. Bha iad ro chosmhuil ri brundaraibh agus dòchasaibh a’ chridhe bhochd, a mealladh dhaoine le neul maise anns nach ’eil brìgh. Leanaidh an cridhe bochd ris na bruadaraibh agus na dòchasaibh ud, cha-n ann an laithibh na h-oige a mhàin ach ’n uair a thig an aois; agus leis a’ mhaise dhiomhain ud tha e air a tharruing air falbh uaithsan a tha na ’s maisiche na na h-uile maise talmhaidh,—“dealradh glòire Dhé agus dearbh iomhaigh a phearsa; aig nach caochail a ghlòir; a ’s e an neach ceudna an dé, an diugh, agus gu bràth.” O a dhuine, c’ uine a bhitheas tu glic, agus a shuidhicheas tu do shùil air sin a mhaireas a mhàin, air sin a lionas do chridhe, agus a ni aoibhneach d’ anam gu siorruidh? Bha seann teaghlach ainmeil an Alba, aig an robh oighreachd mhòr, agus a dh’ fhan fada cuideachd gun bhàs. Bha iad aon fheasgair uile cuideachd le ’n cairdibh,—athair ’us màthair, ’us peathraichean, ’us dilsean, leis an oighre òg ’s an teis mheadhon aca uile. B’ e sin an uair mu dheireadh bha iad uile cuideachd. Ann am beagan bhliadhnachan dh’ atharraich a’ chuis uile gu léir; agus bha na h-uile ball de ’n teaghlach ud a bha cho sona mu ’n teallaich air an oidhche ud, air an tional do àite-adhlacaidh an teaghlaich. Fhuair daoine eile an oighreachd, agus bha cinn eile fo fhasgath nan seana chraobh. Bha dòchasan mòr’ an fheasgair ud air am mealladh gu luath, agus bha e soilleir cho diomain ’s a tha maise a’ ghnuise a ’s àluinn, agus gràdh a’ chridhe a ’s blàithe. Cha-n fhaic mi uair air bith an seann tigh ud, gun earrainn de ’n fhìrinn a thighinn gu mo chuimhne a tha ’labhairt mu dhiomhanas dòchais an duine. Ann an saoghal bàsmhor mar a tha an so, tha feum againn air dòchas cinnteach agus neobhàsmhor. Tha e sgriobhta, “Sgriosaidh tu dòchas an duine.” Seadh, mar sin fhéin. Cha-n e mhàin gu-n tuit dòchas an duine sios e fhéin, ach sgriosaidh Dia e roimh an àm. Eiridh e suas ann an oidhche, agus crionaidh e ann an oidhche a chionn gu-m buail Dia e. Cha-n fhaodar an so nithean talmhaidh maireannach earbsadh ris an duine. Bithidh iad ’n an iodhalan aige, agus is éigin am briseadh; oir “sgriosaidh e gu h-iomlan na h-iodhalan.” Is éigin ar dòchas maiseach á beatha shona an so,—là fada, slainte cuirp, sìth, saoibhreas, cinneachadh—bhi air a chasgadh, air neo dheanadh sinn dachaidh de ’n t-saoghal, agus bhitheadh e ’n a fhlaitheanas againn, le diochuimhne air a’ ghlòir a dh’ fhoillsichear agus air na toilinntinnean a tha aig deas laimh Dhé gu bràth. “A mheud ’us is ionmhuiun leam, tha mi a’ cronachadh ’s a’ smachdachadh, uime sin bitheadh agad teas-ghràdh, agus dean aithreachas.” Ach cha mhùch Dia dòchas air bith, gun dòchas na ’s fearr a thairgseadh,—dòchas a mhaireas gu bràth; oir cha dean e fochaid air a’ chreutair a rinn e, ni mo a bheir e seacadh air na flùraichean a ’s maisiche gun aobhar, agus aobhar a tha làn gliocais ’us gràidh. Tha cùram aige dhinne. Tha iarraidh mhòr aig oirnne. Dh’ iarradh e ar fàgail sona. Tha ’leithid a ghràdh aig dhuinn nach meall e sinn le bruadaraibh. Is éigin dòchas an duine bhi air a sgrìos, chum ’us gu-n éirich dòchas Dhé ’n a àite. Tha cuid an duine air a sguabadh air falbh chum agus gu-n tig cuid an Tighearna gu ’àite a lionadh. Tha an ni aimsireil air a spion- [TD 188] [A’ BHLIADHNA UR, 1880. TD 4] adh uainn chum agus gu-m bi sealbh againn air sin a tha siorruidh. Tha, mata, ni ann ris am bheil Dia ag ràdh, “an dòchas a ’s FEARR,”—dòchas làn neobhàsmhorachd; dòchas air a thoirt le Dia féin, agus nach urrainn duine a thoirt uainn. Is ann o Dhia a tha e, agus tha e siorruidh. Tha an t-sìth a tha ’dol thar tuigse ’tighinn leis; agus tha e a’ filleadh ann aoibhneas dolabhairt agus làn glòire. Tha e ann an daimh ri crùn, ri oighreachd, ri rioghachd, ri glòire nach caith as, le siorruidheachd de dh’ aoibhneas a leithid ’us nach fhaca sùil, ’us nach cuala cluas. Cha-n e ni amharusach a tha ’s an dòchas a tha Dia ’cur romhainn, ach ni cinnteach, glòrmhor. Tha a bhunait ann a shoisgeul, agus nithear daoine dòchais dhinn trid creidimh ann. Oir cha toir aon ni dòchas ach soisgeul air a chreidsinn,—is e sin an ni ris an abair Dia dòchas. Bheir soisgeul air a chreidsinn sìth thugainn; agus leis an t-sìth bheir e dòchas. Tha an t-sìth cinnteach agus daingean; agus tha an dòchas bheir i leatha mar sin cuideachd. Is e an soisgeul so an deagh naigheachd mu ’n Ti a bhàsaich, agus a dh’ adhlaiceadh, agus a dh’ éirich a rìs. Tha an deagh sgeul uile air fhilleadh anns na tri bliadhnachan deug thar fhichead eadar a chreadhail agus a chrann-ceusaidh. Tha sgeul a bhreith, a bheatha, agus a bhàis a’ gabhail a stigh na ’s éigin duinn aithneachadh chum ar sithe. Imichidh an t-sìth tha so stigh do anam an neach a ghabhas ris an sgeul neamhaidh ud, agus fanaidh i an sin,—sìth ann an creidsinn, sìth ri Dia troimh an Tighearn Iosa Criosd. “Ach do ’n ti nach dean obair, ach a tha ’creidsinn,” (Rom. iv. 5,) buinidh an t-sìth so; agus an ti aig am bheil an t-sìth, tha an dòchas aige—dòchas nach cuir gu naire. Aonadh beannaichte eadar sìth agus dòchas! Cha-n urrainn an dòchas bhi againn a dh’ easbhuidh air an t-sìth, agus cha-n urrainn an t-sìth bhi againn a dh’ easbhuidh air an dòchas. Tha creidimh anns an deagh sgeul ’toirt duinn an dà chuid. An so tha gràdh! Oir chi sinn ann Dia ag ullachadh cha-n ann a mhàin airson na h-aimsir tha làthair, ach airson na tha ri thighinn, a ’cur romhainn crùin agus rioghachd, agus aig an àm cheudna a’ toirt duinn sìth ris fhéin air an talamh, gus an tig an rioghachd sin. An so tha gràdh! Tog suas do shuilean, O a dhuine, agus ris na nithe a tha ’tighinn! Ciod e bhitheas ann? Dorcha no soilleir? Is e tha ’n ad bheatha ceò. Nach dean thu greim cinnteach air a’ bheatha shuthain? Faodaidh tu ruighinn oirre. Is e na rinn esan ann am bhi ’bàsachadh air a’chrann-ceusaidh, a th’agadsa chum socrachadh air airson na siorruidheachd. Is àite foise cinnteach e. Cha-n ’eil féum agad air aon eile. An ti a chreideas theid e stigh do SHUAIMHNEAS! Seadh; agus theid an neach a chreideas stigh chum beatha nuadh, agus toisichidh e air cleachdadh naomh, “Ma tha neach air bith an Criosd, is creutair nuadh e;” agus tha e a’ faighinn an aon Spiorad a tharruing e chum a chrann-ceusaidh, chum agus gu-n lean e Criosd, agus gu-m bi e naomh mar a bha esan naomh. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 189] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS NA BLIADHNA, 1880. “DIOCHUIMHNE” DHAOINE, AGUS “CUIMHNE” DHE. [Dealbh] Is fuath le peacadh deagh chuimhne. Ma bheirear duine le cuimhne mhaith, bheir Satan oidhirp air a ghoid uaithe. Is e ceud leithsgeul an leinibh, “Cha robh cuimhne agam.” Agus tha clann na ’s mò ullamh gu ràdh, “Chaidh e as mo chuimhne.” Cha-n ’eil ach aon chuimhne fhada a ’s maith le Satan. Thubhairt duine mòr mu chuimhne duine bhig, nach robh ann ach deilg gu a dhroch ruintean a chrochadh orra. Cha chuir Satan an aghaidh sin. Ach is fhearr leis ’n uair a tha a’ chuimhne ’n a clàr air an sgaoil sinn a mach ar nithe maithe. Cho fad ’s a tha clàir an àrdain farsuinn gu leòr, agus an t-àite cho làn ’s gu bheil Dia agus a thròcairean air an druideadh a mach, tha Satan a’ faotainn a’ chuimhne fhada tha so na ’s feumail dha na cuimhne ghoirid. Gidheadh mar is trice ’s i a’ chuimhne ghoirid a ’s fearr leis. Tha a’ chuimhne fhada ullamh air a bhi February 1880. “Man’s ‘Forgets,’ and God’s ‘Remembers,’” [TD 190] [DARA MIOS NA BLIADHNA, 1880. TD 2] ’toirt air ais nithean a b’ fhearr leis fholach, agus aig uair ’s am bith, faodaidh e féin-dhìteadh a thoirt leis chum a’ choguis a tha ’n a codal a lotadh; no faodaidh “briathran deireannach màthar” éiridh roimh ’n inntinn, agus am focal “Thig” no “Pill,” á beul Dhia a thogail, agus eisdeachd fhaighinn doibh. Is e is fearr le Satan mata nach amhairceadh am peacach aon chuid roimhe no as a dheigh. Maireadh e beò “a’ mealtuinn a chuid de ’n t-saoghal” an diugh, cia b’ e mar a dh’ éireas do ’n là màireach. Is luath thoisich Satan air a bhi ’sàrachadh cuimhne an duine. Dh’ fheumadh e buaidh fhaighinn air cuimhne Eubha ’s a ghàradh air neo cha b’ urrainn i diochuimhneachadh gu-n d’ thubhairt Dia, cha-n e “mu ’m bàsaich sibh,” ach “Gu cinnteach bàsaichidh sibh.” Chuidich e le Cain cuideachd. Cha-n e gu-n do dhiochuimhnich Cain mu Abel, an uair a thubhairt e ri Dia nach b’ aithne dha ni m’ a dheighinn. Is e breug bha an sin, agus cha-n e “diochuimhne” idir. Ach an uair a chaidh Cain a mach á làthaireachd Dhé agus a thog e baile, nach b’ ann a dh’ fheuchainn ris an ni a chur as a bheachd, agus a bhi air a dhiochuimhneachadh? Dh’ fheuch e mar iomadh fear eile, ri a chuimhne a mhùchadh, agus a choguis a thacadh, le aire dhlù a thoirt do nithibh eile. Ann an eachdraidh cloinn Israeil cuirear ri taice a chéile mar a “chuimhnicheas” Dia, ’us mar a “dhiochuimhnicheas” daoine. Anns an Eiphit chuala Dia an osnaich, agus chuimhnich e a choimhcheangal, ag oibreachadh iongantasan air an son. (Ecs. ii. 24.) Ach cha do thuig iad na h-iongantasan; agus cha do chuimhnich iad na tròcairean. (Salm cvi. 7.) Dhiochuimhnich iad cho luath, ’us nach robh ach tri laithean an deigh sin gus an d’ éigh iad leis an eagal, agus gus an do bhrosnaich iad e aig a’ Mhuir Ruaidh. A rìs shaor e iad, ’g an treòrachadh air talamh tioram. Chreid iad ’us sheinn iad cliù car ùine. Ach le cabhaig dhiochuimhnich iad, a’ miannachadn aig an am so feòla. Agus mar sin gus an do dhiochuimhnich iad cha-n e mhàin ’oibre ’us a bhriathra, ach e fhéin cuideachd. Rinn iad laogh leaghta, agus rinn iad aoradh dha. Oir rinneadh an dream a bha mi-thaingeil michreidmheach. Is e suim an ni gu léir:— Ann am braighdeanas, dhiochuimhnich iadsan— Ach chuimhnich esan a choimh-cheangal, agus shaor e iad. (Ecs. ii. 24.) Ann an cunnart, dhiochuimhnich iadsan— Ach chuimhnich esan ’fhocal, agus shaor e iad. (Salm cvii. 20.) Am measg ocrais, dhiochuimhnich iadsan— Ach chuimhnich esan a ghealladh, agus thug e dhoibh mana, agus uisge as a’ chraig. (Salm cv. 41, 42.) Ann am peacadh, dhiochuimhnich iadsan— Ach chuimhnich esan nach robh annta ach feòil, agus thionndaidh e ’fhearg air falbh. (Salm lxxvii. 38, 39.) Ann an soirbheachadh, dhiochuimhnich iadsan— Ach chuimhnich e dhoibh a choimh-cheangal, agus ghabh e aithreachas a réir lionmhorachd a thròcair. (Salm cvi. 45.) Agus is e bu mhiosa, gu-n cuimhnicheadh iad an uair bu mhaith leo. Agus an ni bu mhaith leo. Dhiochuimhnich iad am braighdeanas agus na clachan-creadh; agus chuimhnich iad na poitean-feòla, agus am pailteas arain. Dhiochuimhnich iad an t-saothair agus na deoir; chuimhnich iad na mealbhucain agus na culairean. Chuimhnich iad eadhon Dia air amaibh, —’n uair a rinn e peanas orra, no an uair a dh’ fhairich iad gu robh feum aca air. Ach shaoil leo gu-n robh an Dia acasan cosmhuil riu féin, agus rinn iad miodal ris. Dhealbh iad briathran feallsa, agus na ’s miosa na sin, caitheamh-beatha feallsa, a’ strì ri bhi ’mealladh, ann an dòchas gu-n do dhiochuimhnich e. “Oh, is eadh, bu mhuinntir thruagh [TD 191] [DARA MIOS NA BLIADHNA, 1880. TD 3] clann Israeil!” arsa tusa. “Cha-n fhaic mi ciamar a b’ urrainn Dia giùlan leo cho fada, agus maitheanas a thoirt doibh cho tric! Ach cha-n ’eil sinne mar a bha iadsan. Nan robh na deich plàighean againn, agus a’ chàisg, agus an turus troimh ’n Mhuir Ruaidh, gun labhairt air an aran o neamh gach maduinn, agus an stuadh teine ’us neoil oidhche ’us là, chum ar cumail an cuimhne, cha deanadh sinn diochuimhne; cha deanadh ged a dh’ fheuchadh sinn ris.” Ach am bheil thu cinnteach gur tu a ’s fearr na iadsan? Ciod e nam b’ e teachdaireachd Dhé riut an diugh “Is tusa an duine?” Oir, O a chomhpheacaich, ciod e nach do dhiochuimhnich thu? Dhiochuimhnich Israel an Dia a chruthaich e. (Deut.xxxii.18.) An do chuimhnich thusa mata do Chruithear ann an laithibh d’ òige? (Eccl. xii. 1.) An do ghabh thu do bheatha mar o Dhia, agus an do chleachd thu air a shonsa i? Dhiochuimhnich Israel Iehobha-Iireh an Tighearn a dh’ ullaich dhoibh. Agus nach ’eil freasdailean agadsa gu an cuimhneachadh? No saoradh o chunnart? No piltinn o dhorus a’ bhàis? No ullachadh mu choinnimh feuma? No dol as o olc? Nach robh buinteanas no uair riamh agad ’n uair a dh’ fhairich thu nach b’ urrainn thu Dia a dhiochuimhneachadh gu bràth tuilleadh—ach o ’n do theich thu, agus thu dìreach fhathast an duine a bha thu? Agus mur robh mòran cunnart no eagal agad ’n ad là, is ann is mò an coman fo ’m bheil thu do chùram freasdail Dhé a rinn do choimhead cho teàruinte. A rìs, ma ’s ciontach thu am fianuis Dhé a chruthaich thu, agus a ghleidh gu so thu, ciod e mu Dhia nan gràs, an Dia a shaor thu? Is maith a dh’ fhaodas sinn so a ghabhail gu cridhe, oir an so rinn Dia nithean mòra air ar son. “Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal gu-n d’ thug e ’aon-ghin Mhic, chum ’us cia b’ e a chreideas anns an nach bàsaich e, ach gu-m bi a’ bheatha shiorruidh aige.” Eoin iii. 16.) “Agus rinneadh am focal ’n a fheoil, agus ghabh e comhnuidh maille rium, agus chunnaic sinn a ghloire, . . . làn gràis agus fìrinn.” (Eoin i. 14.) Gidheadh, cia tearc iad a ghabhas no a chuimhnicheas na rinn e! Tha nithean cho lionmhòr aig an duine shaoibhir ri smuaineachadh orra, agus tha na nithean ainnimh aig an duine bhochd ’n an aobhar smuaineachaidh cho mòr dha. Tha aig Criosd fhathast r’ a ràdh, “Tha tig sibh a ’m ionnsuidhse chum ’us gu-m bitheadh beatha agaibh.” Diochuimhneach airsan, gidheadh thog iad teampuill, (Hos. viii. 14,) agus rinn iad dhoibh fhéin diathan eile—saoibhreas no toilinntinn fheòlmhor, no miann agus saorsainn a’ pheacaidh. (Salm xliv. 20.) Eadhon ’n uair bha iad sgìth, agus tinn ’n an cridhe, chaidh iad air turus o bheinn gu cnoc, o ’n a dhiochuimhnich iad am Buachaille maith, agus ’àite-tàimh, ’àite chum luidheadh sios ann. (Ier. l. 6.) Gidheadh their thu theagamh. “Ach tha cuimhne agamsa air. Tha mi ’dol do ’n eaglais, agus bithidh mi ag ùrnuidh.” O a dhuine, cha deanar fanoid air Dia. “An e so an trasg a roghnaich mise?” tha e ag ràdh. Agus “Is euceart eadhon a’ chomhgairm naomh” thubhairt e. “Is Spiorad Dia, agus is éigin da ’luchd-aoraidh aoradh a dheanamh dha an spiorad agus am fìrinn.” An ni tha ’n ar cridhe brisidh e mach ’n ar caitheamh-beatha. Ma ’s aithne dhuinn Dia agus ma tha gràdh againn dha, cuimhnichidh sinn e air là Sathuirn agus Sàbaid; ann ar suidhe sios agus ar n-eiridh suas, ’aig an obair ’us aig an tigh. Bithidh bùth ’us margadh dhuinn mar an eaglais, an t-seapal, no an t-seòmar. Cha-n urrainn sinn a dhol far nach bi sinn comasach air iarraidh o Dhia gu-n smuainicheadh e oirnn airson maithe. No their thu, “Tha mise ’toirt oidhirp air cuimhneachadh ach tha mi a diochuimhneachadh a ghnàth.” Oh! tha sgeul an sin, nach ’eil? Am bheil thu a’ diochuimhneachadh nithean na [TD 192] [DARA MIOS NA BLIADHNA, 1880. TD 4] beatha so—d’éideadh airson cuideachd, do rùn no do dhòchas aimsireil? An diochuimhne leat laithean d’òige,—do dhathigh, ’us an dream a ghràdhaich thu an uair sin? Cha-n eadh, cha-n ’eil air dhiochuimhne agad ach Dia. ’Seadh, agus bithidh e mar sin fhad ’s nach ’eil ann ach thusa a’ toirt oidhirp ’us nach e an Spiorad Naomh a tha ’toirt do ’d chuimhne. (Eoin xiv. 26) Oir is ann an so tha an leigheas. Feumaidh tu an Spiorad Naomh ’fhaighinn, a gheall Dia dhoibhsan a dh’ iarras e. Feumaidh tu bhi air do dheanamh ’n ad dhuine nuadh, agus an sin gheibh thu cuimhne an duine nuaidh. O sin a mach cuimhnichidh tu na nithean a b’ abhaist duit diochuimhneachadh agus diochuimhnichidh tu na nithean a b’ àbhaist duit cuimhneachadh. Dìreach mar a dhiochuimhnich Pol na nithean a bha as a dheigh, chum ’us gu-n ruigeadh e air a’ chomharadh. (Phil. iii. 13.) Dìreach mar a chuimhnich Peadar focal Criosd, ’n uair a chunnaic e mar a sheall Criosd ris, agus a chaidh e mach, agus a ghuil e. (Mat. xxvi. 75.) Bheir an Spiorad Naomh ort gu-n cuimhnich thu na nithean mu ’d thimchioll féin,—do pheacadh agus tròcair Dhé—air achd agus gu-m bi thu gun chomas do cheann a thogail. (Esec. xvi. 63.) Agus bheir e ort nithean a chuimhneachadh mu fhad-fhulangas agus mu chaoimhneas Dhé—mar a rinn e, o cheann deich thar fichead, agus dà fhichead bliadhna, faodaidh bhi ceithir fichead, do sheòladh, do bheathachadh, agus do choimhead, (Deut. viii. 2,)—air achd agus gu bheil do chridhe air a thogail suas chum earbsadh as agus ’ainm a mholadh. Eighidh tu ris do chuimhneachadh fhathast mar a rinn e mar tha. Dh’ iarr e sin ort. “Cuir ann an cuimhne mi,” ars’ esan. Agus ciod e a chuireas sinne ’n a chuimhne? An gealladh iongantach, “Is mise, mise féin esan a dhubhas d’ eucertain as, air mo sgàth féin; agus do lochdan cha chum mi air chumhne.” (Is. xliii. 25.) Ach am bheil thu ag iarraidh briathran gu dol a thagradh ri Dia, mar a tha e ag ràdh? Cuidichidh na Sailm leat. Tha iad a tagradh airson cuimhne Dhé. Cuimhnich, do chaomh-thròcairean, O Thighearna. (Salm xxv. 6.) Peacaidhean m’ oige na cuimhnich thusa: a réir do thròcair bi-sa cuimhneachail orm. (Salm xxv. 7.) Cuimhnich am focal do d’ oglach, as an d’ thug thu orm earbsadh. (Salm cxix. 49.) Cuimhnichidh e oirnn leis a’ dheagh-ghean a nochdas e do a shluagh féin. (Salm cxix. 49.) A charaid, am bheil thu beò a’ cuimhneachadh agus air do chuimhneachadh le Dia, gach là? No am bheil thu ag ràdh, “Dhiochuimhnice an Tighearn; cha-n fhaic e gu bràth?” (Salm x. 11.) Cuimhnich, “Cuirear na h-aingidh gu ifrinn: na cinnich uile nach cuimhnich Dia.” “Ach air cuimhne gu bràth bithidh am fìrean.” (Salm cxii. 6.) Oir “dh’ éisd an Tighearn, agus chual’ e agus bha leabhar-chuimhne air a sgriobhadh ’n a làthair airson na muinntir air an robh eagal an Tighearn, agus a smuainich air ’ainm. Bithidh iad leamsa, tha Tighearn nan sluagh ag ràdh, anns an là sin anns an dean mi suas mo sheudan.” (Mal. iii. 16, 17.) Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 193] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS MAIRT, 1880. “AIR MO GHAIRM, ACH GUN BHI ULLAMH.” [Dealbh] AIR cnoc, ann an earrainn ro àluinn de Shasunn, tha Caisteal L—— r’ a fhaicinn. Agus ge b’ àluinn na bha an taobh a mach de na ballachaibh ud, bha ni na b’ àluinn fhathasd ’n an taobh a stigh. Bha Fionnghal L——* ’n a dilleachdan, agus ro bheadarrach aig brathair a h-athar s’ a mhnaoi, a ghabh i mar an leanabh féin, a chionn nach robh clann aca. Og, maiseach, de nadur ionmhuinn, stuaim, choisinn i gràdh gach aoin. Cha b’ urrainn farmad bhi rithe, oir cha robh i uair air bith, a réir coslais, a’ smuaineachadh m’ a timchioll féin. Ach cha robh Fionnghal coimhlionta. “Ghràdhaich i an creutair na ’s mo no ’n Cruithfhear.” Ann an aon fhocal, bha i “a reir cumaidh an t-saoghail so”—cha robh i air “a cruthatharrachadh trid athnuadhachadh a h-inn- * Tha na litrichean-toisich so gun sùil air bith ris an fhior ainm. March 1880. “Called, but not Ready.” [TD 194] [MIOS MAIRT, 1880. TD 2] tinn.” Cha do threòraich trocairean Dhé i, mar a tha iad air am foillseachadh ann an obair iongantaich an t-saoraidh, chum i féin a thoirt seachad ’n a “h-iobairt bheò, naomh, thaitneach, do Dhia, mar sheirbhis reusonta;” ni mo a rainig focal Dhé, mar chlaidheamh dha fhaobhair, air a h-anam an leth steach, mar “fhear-breth air smuaintibh agus rùintibh a’ chridhe.” Is fior gun robh a’ bhithbhuantachd, air uairibh, ’n a smuain a bha ’n a chùram d’ i, agus gun robh roinn de dhearbhaidhean aice a thaobh staid a h-anama an làthair Dhé. Bha ministear na sgìreachd, Mr. S——, ’n a dhuine a shearmonaich Criosd, ann am faide agus ann an leud a ghràidh iongantaich, mar a tha sin soilleir ann an obair an t-saoraidh. Agus an uair a leudaich e air cliù na muinntir aig an robh an cosan ag imeachd air an t-slighe aimhleathain a threòraicheas chum beatha, gheibhteadh amharus ann an cridhe Fhionnghail nach robh a cosan féin air an t-slighe ud. Bha na h-amharusan ud a fhuair àite, air uairibh, ann an coguis Fhionnghail, air an deanamh aithnichte gu tric do Mhrs. S——, bean a’ mhinisteir. Bha gràdh mòr aig Mrs. S—— air Fionnghal; agus is iomadh, iomadh ùrnuidh a chuir i suas air a son. Theireadh Fionnghal rithe, “Na’n robh mise air mo chridhe a thoirt do Dhia, mar a tha sibhse ag iarraidh, agus gun diultainn an sin bhi ’dol am measg an ni ris an abair sibhse diomhanais an t-saoghail, bhitheadh bean brathar m’ athar làn corruich, ni mo b’ urrainn mi diomb brathar m’ athar L—— a ghiùlan. Fhreagradh Mrs. S——, “O, Fhionnghal! cha chuimhne leat na tha am Biobul ag ràdh mu ’n dream tha ‘eagallach’ cho maith ris na ‘michreidmhich,’ gum bi an cuibhrionn aca anns an ‘loch a tha ’losgadh le teine agus pronnusg.’ Nach fhaod thu na leanas fhàgail ann an laimh d’ Athar neamhaidh? Tha na h-uile cridhe ’n a laimhse, agus is urrainn e an tionndadh mar a thionndaidheadh e cursa na h-aimhe againn. Air neo dh’ fhaodadh tu bhi ’n as mheadhon ann an iadsan a theàrnadh.” An deigh leithid so a chonaltradh gheibheadh Fionnghal bhochd a cridhe trom, agus, air uairibh, rùnaicheadh i gun deanadh i seirbhis do Dhia. Ach, mo thruaighe! Chuireadh a’ cheud ghaoth buairidh sgapadh anns na h-uile smuain cudthromach a bh’ aice. Cha d’ fhuair Fionnghal aithne riamh air a laigse féin. Na ’n robh i air bhi ’foghlum a bhi gun earbsa aisde féin, agus air a glùnaibh a laighe aideachadh do Dhia, dh’ éisdeadh esan r’ a guth. Bu bheag a chosgadh e dhith an sin pilltinn o diomhanas na slighe air an robh i. Bha cridhe blàth Fhionnghail làn truais dhoibhsan uile a bha fo thrioblaid, agus air an aobhar sin rinn i mòran saothrach am measg nam bochd. Dh’ fhurtaich i air an éigin le mòr chairdeas; agus ma bha bròn aca, bheireadh i oidhirp air misneach agus sòlas a thoirt doibh. Ach do ’n spiorad a bha “’saothrachadh agus fo throm eallaich” cha b’ aithne dhith focal “a labhairt ann an àm.” Cha b’ aithne dhith an seòladh a dh’ ionnsuidh croinn-ceusaidh Chriosd airson sòlais, oir cha b’ aithne dhith féin a bhuaidh-leighis a bh’ air. Thairg i teagasg ’s an Sgoile-Shabaid, agus ghabhadh gu toileach ris an tairgse. Cha d’ rinn so dad de sheideadh suas oirre, oir bha i de nadur cho treibhdhireach, gur ann a dh’ fhairich i ’na ni goirt e, a thaobh gun robh aice ri bhi ’moladh do ’n chloinn teagasgan agus cleachdaidhean ’s an robh làn fhios aice gun robh i féin fad air dheireadh. Agus an uair bha an dleasdanas seachad, bha féin-dhiteadh aice, agus i a’cur ’n a h-aghaidh féin mar cheilg gun robh i a’ cur roimh na chloinn caithebeatha naomh, neolochdach, Iosa mar an eiseimpleir, ’n uair nach robh i féin a’ strì ri bhi ’g a leantuinn. Labhair i riu mu a ghràdh agus thròcair ann am bàs fhulang air son pheacach, an uair ’bha i ’deanamh tàir air a ghràs, agus a’ toirt gràidh do ’n dearbh ni a thainig esa chum ar saoradh uaith. An uair a bhitheadh obair na sgoile [TD 195] [MIOS MAIRT, 1880. TD 3] seachad, choisicheadh i dhathigh le cridhe muladach, an dòchas fhathasd gun d’ thigeadh an uair oirre, no gum bitheadh cuisean freagarrach chum a toirt gu bhi mar bu mhaith leatha a bhi, ’us nach bitheadh a cridhe na ’s fhaide air a roinn mar a bha e. B’ ann ’s an earrach air a bhliadhna 18— runaich bean brathar a h-athar gun d’ thugadh i Fionnghal ionmhuinn gu bhi ’dol am measg chuideachdan agus fhaladhà Lunnuin. Bha iomadh ni de ghnè eile ann an inntiun Fhionnghail. Bha i uair ’us uair air tì a ràdh ri piuthar a h-athar nach leigeadh a coguis leatha ’dhol am measg na cuideachd diomhain, agus nan cleachdaidhean faoine gus an robh iad ’g a seòladh: bha Mrs. S—— ’g a daingneachadh anns a’ bheachd so; ach an uair a thainig an dearbhadh dh’ fhailnich a misneach, no bha ni éigin ’n a h-inntinn a bha ’miannachadh na nithean ud fhaicinn air an robh cuid a’ toirt cliù cho mòr. “Mata, ma theid mi ann,” ars’ ise ri Mrs. S——, “is e mo rùn gur e an uair mu dheireadh a ni mi e, agus an uair a thilleas mi do ’n dùthaich bheir mi aire a mhàin do nithean maithe, agus do ’n diadhachd.” Dh’ amhairc Mrs. S—— oirre le mulad. Cha b’ urrainn i ach a leantuinn le a deoir agus a h-urnuidhean. Cia lionmhor iad a chuir, mar a rinn Fionnghal L—— an dearbhaidhean ann am beag suim, a’ diochuimhneachadh, mar a deir an Sgriobtuir, nach “deanar fanoid air Dia” agus mar a chuireas duine, gur ann mar sin a bhuaineas e. Bha an teaghlach a nis a’ gabhail tàimh ’an Lunnun, agus bha Fionnghal a’ seòladh air aghaidh cuain fasain agus toilinntinn au t-saoghail; agus cha-n iongantach air dhith guth a coguis a mhùchadh, ged a leigeadh i i fhéin leis an t-sruth gun agadh, gun diultadh. Bha i cho sgith m’ oidhche mar a rainig i a seòmar—no bu choir dhomh a ràdh ’s a’ mhaduinn—nach robh àite ann do smuaineachadh air a cor agus do fhéin-cheasnachadh. Bha cruinneachadh mòr air feasgar aoin là aig tigh brathar a h-athar, a chruinnich chum toilinntinn do nighean a bhrathar. Mar a sheas Fionnghal ri taobh a ban-charaid a’ cur failte air na h-aoidhean mar a rainig iad, cha-n fhacas riamh i le a cairdibh a’ sealltuinn na ’s maisiche. Mar a ghluais i gu gleusda, eutrom,’s an dannsa, cha robh sùil nach do dhearc le tlachd air Fionnghal. Bha i a réir coslais gle shona. An robh féin-thlachd a’ deanamh suas roinn d’ a sonas? Mar a chaidh an oidhche seachad agus a dh’ fhàs an dannsa na ’s beothail, thainig air ball atharrachadh mòr air cor na cuideachd ud. Dh’ fhàs aghaidh mhaiseach Fhionnghail a thiotadh cho bàn ris an t-sneachda; thainig fannachadh oirre, agus thuit i, mar b’ e gun d’ rug cairdean oirre ’n an gairdeanaibh. “Oh! thugaibh dh’ ionnsuidh mo sheòmair féin mi,” ghlaodh i, “tha mi gle thinn”. An ceann ùine ghoirid ghiulan iad d’ a seòmar i, agus leig iad air leabaidh i. “Cha-n fhad gus am bi thu na’s fearr, a ghràidh,” arsa bean brathar a h-athar; “cha-n ’eil ann ach fannachadh beag.” Cha do fhreagair Fionnghal guth, bha a sùilean duinte, agus luidh i gun charachadh. An deidh beagan mionaidean dh’ fhosgail i iad, sheall i ri piuthar a h-athar le sealladh làn amhghair ’us mulaid, agus thubhairt i le guth iosail, ach iongantach geur, “tha mi air mo ghairm—ach cha-n ’eil mi ullamh!” Bha dealt a’bhais a tuiteam gu luath air a bathais fhuair. Cha d’ fhàg suidheachadh gnuis an lighich a chaidh a ghairm le cabhaig d’ a h-ionnsuidh àite dòchais d’ a cairdibh a thaobh cor Fhionnghail ionmhuinn. Thuit briathran na h-iughin, ’us i nis dlù do ’n bhàs, air cluais a bancharaid mar theachdaireachd a’ bhàis féin. “Ciod e is ciall duit, Fhionnghail, ghraidh, le bhi ag ràdh nach ’eil thu ullamh? thusa nach d’ rinn cron riamh, ni mo a thubhairt droch fhocal! thusa bha direach ’n ad aingeal, ’us thu ag ràdh nach ’eil thu ullamh? Co a theid do fhlaitheanas mar teid thus ’ann?” [TD 196] [MIOS MAIRT, 1880. TD 4] “O, cuiribh a dh’ iarraidh Mhr. F——,” ars’ Fionnghal; “iarraibh air ùrnuidh ’dheanamh air mo shon.” Cha b’ fhad gus an d’ thainig Mr. F——: bha e ’n a mhinistear solusach, agus ’n a charaid dlù do ’n teaghlach. Mar a labhair e beagan fhocal chaoimhneil rithe, dh’ amhairc Fionnghal suas, agus le mòr éigin agus ann an briathraibh briste, thubhairt i, “Cha-n ’eil annam ach cealgair truagh! b’ aithne dhomh an ni ’bha ceart; seadh,theagaisg mi e do mo sgoilearaibh bochda ’s a Sgoil-Shàbaid;—labhair mi riu mu naomhachd;—ach chuir mi féin mo chúl ri Dia;—mhùch mi guth coguis, agus tha Dia air mise thoirt seachad do leirsgrios!—Tha mi air mo ghairm—ach cha-n ’eil mi ullamh!” “Tha mi ag aideachadh gur fior sin uile, a bhancharaid oige bhochd,” ars’ esan, ’us e ’glacadh a laimh fhuair, “tha mi ’creidsinn gun robh do pheacaidhean ro anabharrach; ach cha-n ’eil sin ach a’ nochdadh cliù gràis fhad-fhulangaich, agus graidh chaoin an Ti a chaomhain thu gus a so, agus a thubhairt,—‘Esan a thig do ’m ionnsuidhse, cha tilg mi air chor ’s am bith a mach e.” Ann a mhòr ghràdh thug e an dàil so dhuitse, chum agus gun amhairceadh tusa ris, agus gun bitheadh tu air do thearnadh. Rinn d’ Athair neamhaidh na b’ urrainn gràdh a dheanamh ann an tiodhlac a Mhic ionmhuinn, agus tha an Spiorad Naomh ag ràdh gun ‘glan fuil Iosa Criosd, a Mhic, o na h-uile peacadh.’ Comharraich na briathran; cha-n ’eil iad ag ràdh ‘o ’n pheacadh ud, no o ’n pheacadh ud eile,’ ach o na h-uile peacadh.’ Innis dhomh, Fhionnghail, gu bheil thu ’g a chreidsinn agus gu bheil thu sona ’n a ghràdh.” Dh’ amhairc Fionnghal air, ’us neul truagh na h-ainearbsa air a gnuis agus le osnadh throm, dh’ aithris i—“Tha mi air mo ghairm—ach cha-n’ eil mi ullamh!” B’iad so na briathran mu dheireadh a chualadh aice. An sin dhoirt Mr. F—— a chridhe mach ann an ùrnuidh dhùrachdaich airson Fhionnghail bhochd, ainearbsaich, ’us i ri h-uchd bàis. Bha buill a cuisle nis a’ dol na ’s anmhuinne, agus an uine ghoirid chaill i a mothachadh. Mus d’ thainig a’ mhaduinn bha Fionnghal òg ’s an t-siorruidheachd. Is fada, fada bhitheas fuaim nam briathran ud ’a seirm ’an cluasaibh na muinntir a bha timchioll air leabaidh a bàis—“Tha mi air mo ghairm—ach cha-n ’eil mi ullamh!” Faodaidh an cunntas fìrinneach so mu bhàs Fhionnghail L—— tighinn fo bheachd leughadair oige air choireigin, a dh’ fhaodas ni fhaicinn ann cosmhuil ris na dh’ fhairich i féin. Ri ’n leithid so, ris na h-uile neach, theirinn, Na cuiribh earbsa as ’ur rùn féin;—iarraibh air Dia gràdh an t-saoghail a thoirt as ’ur cridhe. Glacaibh focal Dhé. Iarraibh leithid a dh’ ullachadh cridhe ’s a ni comasach sibh air slighe na h-umhlachd a thaghadh, dh’ aindheoin a chunnart, agus dealraichidh solus Dhé air ’ur slighe ’s a’ bheatha so, agus ann an uair ’ur bàis bithidh dòchas “oighreachd nan naomh ann an solus” agaibh. Cha bhi agaibh ri ràdh an sin—“Tha mi air mo ghairm—ach cha n-’eil mi ullamh!” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 197] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1880. AM BI THU AIR DO THEARNADH? “An tearc iad a shaorar?”—Luc. xiii. 23. [Dealbh] A LEUGHADAIR—’Oganaich ’us ’mhaighdein, ’sheann daoine no ’chlann, ’phosda no gun phosadh, ’uasal no ’iosal, eisdibh ri ceist mhòir: AM BHI SIBH AIR ’UR TEARNADH? A Leughadair, tha mi a’ meas gu bheil thu ag ràdh gur Criosdaidh thu féin. Cha bu mhaith leat gu-m bitheadh daoine ag ràdh gur fearaicheimh na fìrinn thu. Tha thu ag aideachadh a bhi ’creidsinn a’ Bhiobuill agus na th’ ann. Cha do chuir thu riamh an amharus, theagamh, breith Chriosd am Fear- saoraidh,—bàs Chriosd am Fear-saoraidh—an t- slàinte a dh’ ullaich Criosd am Fear-saoraidh. Ach, an déigh sin uile, am bi buannachd agad dheth? An dean e maith dhuit? Ann an aon fhocal,—Am bi thu air do theàrnadh? Faodaidh tu bhi òg, fallan, agus làidir. Theagamh nach robh thu là riamh gu tinn. Ach cuimhnich gu-m April 1880. “Shall you be Saved?” [TD 198] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1880. TD 2] bheil am bàs air uairibh a’ gearradh na h-òige sios an toiseach an latha. An uine bhig faodaidh tusa bhi ’s an uaigh. Agus an sin, smuainich,—Am bi thu air do theàrnadh? Faodaidh bhi gu bheil thu saoibhir, agus cinneachdail anns an t-saoghal. Tha airgiod agad, agus na bheir airgiod leis. Ach, cuimhnich, cha mhair saoibhreas gu bràth. Cha bhi e agad ach car uine bhige. Tha e air a chomharrachadh do dhaoine bàsachadh aon uair, agus an déigh sin breitheanas. Agus an sin smuainich,—Am bi thu air do theàrnadh? Faodaidh bhi gu bheil thu bochd agus feumnach. Is gann gu bheil agad na ghleidheas biadh ’us eudach dhuit fhéin, agus do ’d theaghlach. Ach tha sòlas agad ann am bhi ’creidsinn gu bheil saoghal ri thighinn, agus nach bi bochdhuinn no uireasbhuidh ann. Ach smuainich,—Am bi thu air do theàrnadh? Faodaidh bhi gu bheil corp dìblidh, euslan agad. Cha-n aithne dhuit ciod e sin bhi saor o phian. Tha laithean ann ’s am bheil thu cosmhuil ri Ionah deas air a ràdh, “Is fearr bàs fhaotainn na bhi beò.” Ach, cuimhnich, cha-n e am bàs na h-uile ni. Tha ni air a thaobh thall thuilleadh air an uaigh. Agus an sin, smuainich,—Am bi thu air do theàrnadh? A Leughadair, guidheamaid ort amharc air a’ cheist a chuir mi romhad. Tha mi ’labhairt riut mar ri duine bàsmhor,—creutair neobhasmhor mar an ceudna—creutair a bhitheas gu luath fo bhreitheanas Dhé: Am bi thu air do theàrnadh? I. An toiseach, labhram air ciod e sin bhi air do theàrnadh. Cha-n e teàrnadh a bhi ag ràdh gur Criosdaidh thu. Faodaidh na bhuineas do ’n diadhachd o ’n leth mach a bhi agad, agus gidheadh thu bhi caillte. Faodaidh tu bhi air do bhaisteadh—dol do bhòrd an Tighearna—eòlas air an fhìrinn bhi agad—bhi air do mheas diadhaidh—agus d’ anam bhi marbh fad do là, agus a bhi mu dheireadh air an làimh chlì. Cha-n e sin slàinte, a Leughadair! Is ni na ’s airde agus na ’s doimhne e na sin. Is e bhi teàruinte a bhi anns a’ bheatha so air ar saoradh o chionta peacaidh, trid creidimh ann an Iosa Criosd, an Slànuidhear. An neach a chreideas le a chridhe anns an Tighearn Iosa, is anam teàruinte e. Cha-n fhaigh e bàs. Bithidh a’ bheatha mhaireannach aige. Is e so a’ cheud chuid de ’n t-slàinte, agus freumh na cuid eile gu léir. Ach cha-n e so uile e. A bhi teàruinte, is e sin bhi air ar saoradh o chumhachd a’ pheacaidh, le bhi air ar breith a rìs, agus air ar naomhachadh le Spiorad Chriosd. Is e bhi air ar saoradh o chumhachd gràineil a’ pheacaidh, an t-saoghail, agus an diabhuil, agus nadur nuadh bhi air a chur annainn leis an Spiorad Naomh. An neach a tha mar so air ’athnuadhachadh ann an Spiorad ’inntinn, agus air ’iompachadh,is anam teàruinte e. Cha-n fhaigh e bàs. Theid e stigh do rioghachd Dhé. Is e so dara cuid na slàinte. Ach, cha-n e so uile e. A bhi air ar teàrnadh is e bhi air ar saoradh aig là a’ bhreitheanais o thoradh eagallach a’ pheacaidh. Is e bhi air ar gairm neolochdach, gun smal, gun choire, agus iomlan ann an Criosd, ’n uair a tha daoine eile air an gairm ciontach agus air an diteadh gu siorruidh. Is e bhi ’cluinntinn na briathran sòlasach ud,—“Thigibh, sibhse a tha beannaichte!”—’n uair a tha daoine eile a’ cluinntinn nam briathran uamhasach ud,—“Imichibh uam sibhse tha malluichte!” Is e bhi air ar n-aideachadh le Criosd mar aon d’ a chloinn agus d’ a sheirbhisich ionmhuinn, ’n uair a tha daoine eile air an diùltadh gu siorruidh. Is e so an t-slàinte. A bhi air ar saoradh o chionta, o chumhachd agus o thoradh a’ pheacaidh. Is e bhi a’ creidsinn agus air ar naomhachadh a nis, agus a bhi air ar saoradh o fheirg Dhé aig an là mhòr. An ti aig am bheil a’ cheud chuid anns a’ bheatha so, bithidh gun teagamh an dara cuid aige anns a’ bheatha a tha ri thighinn. Tha an dà chuid a’ leantuinn r’ a [TD 199] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1880. TD 3] chéile. Na bitheadh neach a’ meas gu-n teàrnar mu dheireadh e, mar bi e air a bhreith rìs. Na bitheadh neach fo amharus, ma bhitheas e air a bhreith ris, nach teàrnar e gu siorruidh. A Leughadair, thoir an aire gur e crioch mhòr na diadhachd thu bhi air do theàrnadh. Is i so a’ cheist mhòr a thu eadar thu agus do choguis, agus ris an e mo mhiannsa bhi a seòladh d’ aire. Cha-n i a’ cheist co an eaglais gus am bheil thu ’dol,—co dhiubh a tha thu a’ leantuinn doigh àraidh aoraidh no nach ’eil,—co dhiubh tha thu ’dol troimh leithid so a dh’ aireamh dhleasdanasan no nach ’eil. Is i a’ cheist mhòr, am bi thu air do theàrnadh. Gun so cha-n ’eil na h-uile dleasdanas ach ’n a sgios agus ’n a dhiomhanas. Na gabh gu bràth ri ni ’s am bith mar dhiadhachd ach an ni a theàrnas. Cha-n ’eil ann ach amaideas leanabaidh a bhi a’ leantuinn mar dhiadhachd ni nach toir sìth dhuit ann am beatha, no dòchas ann am bàs, no gloire ’s a’ bhibhuantachd. Agus a nis a Leughadair, chuala tu ciod e sin slàinte. Amhaire gu stolda air mo cheist, “AM BI THU AIR DO THEARNADH?” II. Anns an dara àite, leigeam ris cuid de na mearachdan a tha am measg dhaoine a thaobh aireamh na muinntir caillte. Ciod e uime sin, a tha daoine a’ meas mu chor spioradail dhaoine am fad ’s a tha iad beò? Ciod e am barail mu chor anaman an dilsean, an cairdean, an coimhearsnaich, agus an luchd-eòlais? Faiceamaid mar a ghabhas a’ cheist a freagairt. Tha fhios aca gu bheil na h-uile neach timchioll doibh buailteach do bhàs agus do bhreitheanas. Tha fhios aca gu bheil anaman aca ri chall no ri theàrnadh. Agus ciod i a’ chrioch a reir coslais, a bhitheas aca? An aidich iad gu bheil aindiadhaich idir ann? Ro ainmig, ge b’ e an gné caitheamh-beatha bhitheas aca. Faodaidh neach bhi ’n a fhear-brisidh na Sàbaid. Faodaidh e am Biobull a dhearmad. Faodaidh e bhi gun aon chomharradh air diadhachd a bhi aige. Coma co dhiubh! Their a chairdean riut nach ’eil e ’deanamh aideachadh cho mòr ri càch, ach gu bheil “cridhe maith” aige, agus nach e droch dhuine idir a th’ ann. Tha mi ’cur na ceisd’e air duine ’s am bith do ’n aithne an saoghal, mar ann an làthair Dhé, Nach ’eil so ceart? Agus ciod a nochdas so uile gu léir? Nochdaidh gu bheil daoine a’ meas nach ’eil e ’n a ni cruaidh idir ruighinn air neamh. Tha e ’feuchainn gur e barail dhaoine gu bheil iad tearc nach bi air an teàrnadh. Ach ciod a’ bharail a th’ aig daoinibh mu chor spioradail dhaoine eile an deigh am bàis? Faiceamaid ciamar a ghabhas a’ cheist so a freagradh. Aidichidh daoine, mur anacreidich iad, gu bheil na mairbh uile aon chuid sona no truagh nis. Agus co an aon de ’n dà staid, tha iad a’ meas, anns am bheil a mhòr chuid de na daoinibh a chaidh as an t-saoghal? Tha mi ag ràdh gun eagal gu bheil doigh mhuladach ann air a bhi ’bruidheann gu fàbharach mu chor nan daoine a fhuair bàs. Coma ciamar a bha duine r’ a bheò. Dh’ fhaodadh e bhi gun aon chomharradh air aithreachas no creidimh ann an Criosd a bhi aige. Dh’ fhaodadh e bhi beò ’us bàsachadh mar chreutair gun anam. Agus gidheadh ’n uair a gheibh e bàs, their sluagh riut gu h-ealamh gur e an dòchas “gun d’ rainig e saoghal na ’s fearr.” Labhraidh iad mu a bhàs an sin mar “atharrachadh beannaichte dhasan.” Cha-n ’eil uamsa bhi ’ciurradh inntinn neach ’s am bith. Cha-n ’eil mi ach a’ foighneachd de neach ’s am bith do ’n aithne an saoghal, Nach ’eil so uile fior? Ach a rìs, ciod e barail dhaoine mar is tric mu mhinistearan, a shearmonaicheas an soisgeul ann an dilseachd? Faiceamaid ciamar a ghabhas a’ cheist so a freagradh. Cuir duine gu sgìreachd, a theagaisgeas uile chomhairle Dhé agus nach cum air ais liteadh de ’n fhìrinn. Bitheadh e ’n a dhuine theagaisgeas [TD 200] [MIOS DEIREANNACH AN EARRAICH, 1880. TD 4] gu soilleir fireanachadh trid creidimh, aithbhreith leis an Spiorad, agus naomhachd beatha. Deanadh e eadardhealachadh mion a chur eadar an an t-anam gràsmhor agus am peacach, agus thugadh e an cuibhrionn féin do pheacaich agus do naoimh. Thugadh e mach as a’ Bhiobull fior chliu an fhior Chriosdaidh. Feuchadh e nach fhaod dòchas slainte shiorruidh bhi aig aon anam air nach ’eil an cliù mòr ud. Cuireadh e so dhathigh le eud agus cumhachd air coguisibh luchd-eisdeachd, agus gu-n teid an neach nach giulan an cliù ud gu cinnteach a dhìth. Deanadh e so gu dìleas, fìrinneach, agus ciod a gheibh e, an déigh sin uile? Gheibh gu-n gabh cuid aithreachas agus gu-n tearnar iad, ach a thaobh a mhòr chuid d’ a luchd-eisdeachd, nach gabh iad ’us nach creid iad a’ theagasg. Faodaidh bhi nach cuir iad ’n a aghaidh gu follaiseach. Faodaidh iad eadhon meas bhi aca air, agus urram thoirt da mar dhuine dileas, fìrinneach, caomh; ach cha teid iad na ’s fhaide. Faodaidh e briathran Chriosd agus nan abstol fheuchainn doibh. Faodaidh e earrainn an deigh earrainn a thoirt leis: cha-n ’eil e chum maith ’s am bith. Saoilidh a’ mhòr chuid diubh gu bheil e “ro theann,” “ro chumhann,” agus “ro chruaidh.” Their iad nach ’eil an saoghal cho dona ’s a tha am ministear a’ smuaineachadh, agus nach urrainn sluagh bhi cho maith ’s a tha esan ag agràdh, agus an déigh na h-uile ni gu bheil iad an dòchas, gu-m bi iad sàbhailt mu dheireadh. Nach ’eil so uile mar so? Agus ciod e tha e uile a’ dearbhadh? Tha e dìreach a’ toirt dearbhachd eile air gur e rùn dhaoine a bhi ’meas nach ’eil slainte shiorruidh cho duilich ri ruighinn oirre, agus a dh’ aindheoin na dh’ fhaodar a ràdh gu-m bi a’ mhòr chuid de dhaoine air an teàrnadh. Ach, ciod e an t-aobhar cinnteach a ’s urrainn daoine a thoirt seachad airson an dòchais so? Cha-n ’eil aobhar ’s am bith—cha-n ’eil, cha-n ’eil. Cha-n ’eil focal de ’n fhìrinn a ni taic riu. Labhraidh iad nithean caoine mu staid spioradail a ’cheile, dìreach a chionn ’s nach maith leo aideachadh gu bheil cunnart ann. Glaodhaidh iad “Sìth, sìth,” os cionn uaighean a chéile, o ’n is e sin an dùrachd. Thoir an aire, a Leughadair, nach fhiù barail an t-saoghail mu ghnothuch na diadhachd. Mu phrìs bà, no eich, no tuarasdail oibre—mu thuarasdal ’us mu shaothair,—mu airgiod ’us mu arbhar—mu uile nithe na beatha-sa bheir daoine an t-saoghail breith chothromach. Ach, thoir an aire, mu tha gràdh agad do d’ anam, nach bi thu air so sheoladh le daoine an t-saoghail anns na bhuineas do theàrnadh. “Cha ghabh an duine nadurra ri nithibh Spioraid Dhé oir is amaideachd leis iad.” (1 Cor. ii. 14.) Agus a nis, a Leughadair, tha mi aon uair eile a’ cur mo cheist ort: AM BI THU AIR DO THEARNADH? Is e na tha o dhuine chum gu-m bi e air a theàrnadh, còir anama ann an slainte Chriosd. Gu cinnteach mur bi thu air do theàrnadh, b’ fhearr ’s a cheann mu dheireadh nach d’ rugadh riamh thu. Canon Ryle. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seacbad doibh o àm gu àm. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 201] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. AN CEITEAN, 1880. AN T-OLLA ALASDAIR DUFF, SOISGEULAICHE AM MEASG NAM FINEACHAN. [Dealbh] ANN an tigh tuathanaich ann an Siorramachd Pheairt, ’s a bhliadhna 1806, rugadh ALASDAIR DUFF, “prionnsa shoisgeulaich e Innsean na h-aird an ear.” Chaith e laithean ’òige fo sgàile nan Garbh-bheinn, ann an Athola. Cha do leig e riamh as a chuimhne dachaidh ’oige, no na parantan a ghràdhaich e. Bu duine sonraichte ’athair. Bha tiodhlaicean nadarra aige, air am beothachadh le gràs ann an dùsgadh spioradail na bliadhna 1796. Aig an àm sin bha Mr. Stiubhart, ministear na sgìreachd, a ’deanamh shearmoin a bha làn soluis agus teagaisg, ach a dh’ easbhuidh air Spiorad na beatha agus a’ chumhachd. Bha fios aig fhéin air sin. A’ cromadh sios os cionn na crannaig aon là dh’ aidich e “a mhòr aineolas agus a dhoille” agus dh’ iarr e air an t-sluagh dol maille ris ann an ùrnuidh a dh’ iarraidh soluis. Fhuair an ùrnuidh May 1880. “Dr. Alexander Duff.” [TD 202] [AN CEITEAN, 1880. TD 2] freagradh deas. Bha Mr. Simeon, ministear diadhaidh á Sasuun, ’us e air turus, air a’ chumail ’s a sgìreachd leis an là trasgaidh roimh an ordugh. O chionn cheithir fichead bliadhna cha robh obair ’g a deanamh, no eich puist ’g an cur á stabull, air leithid a latha. Shearmonaich an coigreach airson Mhr. Stiùbhart, agus bha an t-searmoin ud air a deanamh ’n a meadhon le Dia air gath solus a leigeadh a stigh air ministear ’us air pobull. O sin a mach, ann an lànachd agus ann an cumhachd, shearmonaich e Dia ann an Criosd a’ deanamh saoghail ciontaich réidh ris féin. Agus fo na mhinistreilachd so bha athair Dhr. Duff, a’ fàs ann an eòlas agus ann an creidimh. Ri taobh a theallaich féin, labhair an t-athair ud gu tric mu mhairtirich nan là a dh’ fhalbh, agus mu staid nam fineachan nis, mar sin a’ beothachadh ann an inntinn a mhic iarrtus air a bhi ’n a fhianuis airson Chriosd, ’n a fhear-cosnaidh anaman dha. Bha buaidh aig nithibh eile. Chuir bruadar mu chaithir mhòir gheal, agus là a’ bhreitheanais eagal mòr air mu ’anam, agus chuir sin e gu caithir gràis a dh’ iarraidh sìthe agus maitheanais. Uair eile bha bruadar aige mu charbad neamhaidh, agus chual’ e guth ag ràdh, “Thig a nuas an so; tha obair agamsa dhuit.” Chomharraich saoradh àraidh an t-àm a bha an so. A’ pilltinn dhachaidh oidhche rathad aithghearr, fhuair es’ ’us companach iad fhéin am measg nan cuimheachan sneachda air na beanntaichean. Bha an oidhche ’dol seachad, bha am fuachd mòr, bha an neart air ’dol an lughad, ’n uair a’ fhuair iad seòladh o leus iasgair bhradan, agus rainig iad teàruinte. Air an doigh so, agus air dhoighean eile chual’ an t-òganach gairm Dhé agus mhothaich e d’ a chùram. Aig Oilthigh Chillribhinn, fo theagasg an Olla Chalmers dh’fhàs aige, a chuid ’s a chuid, iarrtus air a bhi ’tearnadh na muinntir caillte, agus Criosd a shearmonachadh am measg nam fineachan chum sin. “Bha eud fior ann a dh’ fhairich na h-uile neach,” arsa fear d’ a chompanaich aig an àm so. Bha crioch aige ’s an amharc—a bhi beò do Chriosd, a bhi ’saothrachadh airson ’aobhair—agus do sud thug e e fhéin, corp, anam, agus spiorad. Mar sin ’n uair a rainig litir air ag iarraidh cabhar airson Innsean na h-airde an ear, b’ e a fhreagairt air ball, “Tha mise an so, cuir mi.” Bha cudthrom na tìr mòire ud mar tha air a chridhe. Bha fhios aige mar bha i fad dà cheud bliadhna fo riaghladh muinntir Shasuinn, a bha ’toirt saoibhreis ’us cliù dhoibh fhéin aisde, gun aon smuain mu na sé fichead muillion ’s a deich de shluagh a bha fo an ùghdarras. Bha na muillionan ud fo bhuaidh iomlan dorchadais agus truaigh an iodholaoraidh, agus sheirbhis dheamhan, agus bha an caithe-beatha salach agus ain-iochdmhor. Bha buidheann bheag de dhaoine eudmhor ’saothrachadh ’n am measg, ach aig an àm ud bha an credimh agus an dòchas ach beag marbh. A’ smuaineachadh air na nithibh ud, cha b’ e Alasdair Duff an duine a dhiultadh. A’ searmonachadh là mu ’n d’ fhalbh e, thubhairt e mar so: “Bha uair ann ’s nach robh cùram orm mu na cinnich. Bha uair ann ’s nach robh cùram orm mu ’m anam féin. An uair, trid gràis Dhé, ’s an robh mi air mo thoirt gu bhi fo chùram mu m’ anam, an sin ghabh mi cùram mu na cinnich an céin. ’N am sheòmar, air mo dhà ghlùn, thubhairt mi ri Dia, ‘O Thighearna, tha fhios agad nach ’eil òr ’us airgiod agam gu thoirt do ’d aobhar. Ach na th’ agam bheir mi. Tha mi ’g am thairgseadh féin dha. An gabh thu ris an tiodhlac?’” Air a thoirt mar so do Dhia ’us air a roghnachadh leis an eaglais, sheòl Dr. Duff ’us a bhean òg ann am mios October 1829, a dh’ ionnsuidh na tìre far an robh e gu bhi ’caitheamh ’us air a chaitheamh airson a Mhaighistir. Ach mar a bha Pol o shean, bha ministear Dhé gu bhi air a dhearbhadh le trioblaid mu ’n do thoisich ’obair. Air a cheud turus-cuain bha stoirm laidir agus iomadh dail air an leantuinn le long-bhriseadh dlù do ’n Chape of [TD 203] [AN CEITEAN, 1880. TD 3] Good Hope. Cha do chailleadh beatha duine, trid fàbhar Dhé, ach cha do thearnadh aon ni eile ach Biobul agus Leabhar-sailm an t-soisgeulaiche. Ach! o ’n eilean aonarach ud, gun bhiadh aca ach uibhean nan eun fiadhaich, chaidh fuaim a’ mholaidh suas ann am briathraibh an t-seachdaimh Sailm thar a’ cheud. An deigh sin, faisg air tràigh nan Innseachan, agus fo ghrein loisgeach, thachair dha long-bhriseadh eile. Air a ghiùlan troimh na tuinn, agus air a chur sios ann an teampull iodhoil—b’ e sin a cheud eòlas ’chuir an soisgeulaiche air an tìr gus an robh e a’giulan soisgeil ghlormhoir Chriosd. A’ toiseachadh aig Calcutta, baile mòr Bhengal, chuir e suas sgoile no oilthigh do na Hinduich, anns am bitheadh, cha-n e mhain Beurla air a theagasg, ach anns am bitheadh am Biobull mar bhunait do ’n teagasg uile. Cha robh luchd-cabhar thalmhaidh aig an toiseach ach duine-uasal de dhaoinibh na tìre, agus duine bochd Sasunnach a bha ’n a fhear-deanamh uaireadairean. Ach bha an Tighearn gu mòr leis. An toiseach bha ’leithid a dh’ eagal air na daoinibh dubha á gu ’m bitheadh an clann air an deanamh’n an Criosdaidhean,nach robh ach cuignear anns a’ sgoile. O ’n cheud là, dh’ fhosgladh i le ùrnuidh, agus le earrainn de ’n Bhiobull mar am “Mac Sroidheil” a leughadh, ’us cha b’ fhad gus an do bhuail focal Dhé buille. “O,” arsa neach, “tha so ro mhaith dhuinne! co a ni na tha air iarraidh?” “An urrainn mi bhi air mo thearnadh?” ars’ neach eile. Dh’ éirich aireamh nan sgoilearan gu luath o chuig gu cuig ceud. Ghabh an soisgeulaiche còmhnuidh am measg an t-sluaigh. Bha sios agus suas ann, ach bhuadhaich an fhìrinn, agus sin a dh’ aindheoin trioblaid tighinn araon air an fhear-theagaisg agus air na foghlumaich. Cha-n fhuiling creidimh nan Hinduach do neach mairtfheoil itheadh. Chunnaic cuid de na sgoileirean sud ’n a ni amaideach, agus cha-n e mhain gun d’ ith iad mairtfheoil iad féin, ach thilg iad mìrean a stigh air cuirt tighe fir de na daoine de ’n t-seorsa a b’ airde. Bha am baile air bhoile; thilg an luchd-iodhoil-aoraidh an ceannard a mach o mheasg a shluaigh gu bràth. Bha an gille nach robh ’n a fhear iodhol-aoraidh no fhathasd ’n a Chriosdaidh, ’us e truagh, gun dachaidh, air a thoirt gu bhi ’dol air adbart. Mu dheireadh fhuair e sìth an Criosd. Thainig dà bhrathair—fear dhiubh mar a rinn Aindreas a’ treòrachadh an fhir eile—air an adhart gu iad fhéin aideachadh air taobh an Tighearna. Bha fear dhiubh sin air a bhaisteadh, ag aideachadh gur ann “a dh’ aindheoin air fhéin” a rinn e greim air Criosd, air do a chridhe bhi air a bhioradh le faireachadh air peacadh, agus le sealladh de ghràs agus de dh’ fhirinn. Thréig fear eile na h-uile ni chum Iosa a leantuinn eadhon gu bàs, ged a bha a mhathair ’g a bhacadh le gul, le agartas, agus le cronachadh searbh. Thionaileadh a stigh le cuid ’us cuid buidheann de Chriosdaidhean fìor agus dìleas, aig an do sheulaich mòran am fianuis le ’m fuil ann an laithibh dorcha na Ceannairc Innseanaich, agus aig am bheil cuid eile beò gus a nis chum Criosd a shearmonachadh am measg am braithrean aineolach. Bha cùram air a ghabhail de bhoirionnaich, ged a tha beag meas orra ’s an tìr. Fhuair Dr. Duff tìm, maille ri so uile, air cùram a ghabhail de choimhthionail d’ a luchd-duthcha féin. Bu dileas a theagaisg ’s a chronuich e iad. Cia b’ e taobh a chaidh Dr. Duff,—do luchairt an Fhear-riaghlaidh no do bhothan nam bochd,—chaidh e ann fo ’n aon bhrataich. Cha do ghabh e naire á Criosd no á ’fhianuis. Ach dh’ fhuiling slàinte a chuirp, a dh’ aindheoin a neirt, fo na h-uallaichean ud. Bha a shlainte cho briste, agus gu-m b’ éigin a ghiùlan stigh, ’us e gun mhothachadh, air bord an t-soithich ’s an d’ thainig e dhachaidh ’s a bhliadhna 1835. Air dha ruighinn, fhuair e obair ùr r’ a dheanamh an àite a bhi ’faighinn foise, ann am bhi ’dusgadh aire dhaoine do ’n dleasdanas, iad fhéin, an airgiod, agus an [TD 204] [AN CEITEAN, 1880. TD 4] ùrnuidhean a thoirt do aobhar an t-soisgeil anns na h-Innseachan. Airson aon bhliadhna deug a’ cheud uair, agus cuig bliadhna an dara uair,—rinn e seirbhis do Dhia ’s na h-Innseachan, a’ gabhail air le tlachd an obair, a bheannaich an Tighearn cho mòr mar aon fo dheuchainn us fo shoirbheachadh. Air an uair mu dheireadh, chunnaic e uamhasan na Ceannairc ’s na h-Innseachan. Bha aig an am mu sheachd fichead agus deich mìle de Chriosdaidhean ’s an tìr. Dhiubh sin thréig cuid an fhianuis, lean cuid eile am fad as, ach bha àireamh ghlòrmhor ann de naoimh agus mhairtirich Chriosd. Cha robh an solus riamh cho soilleir ’s a bha e ’s an oidhche dhorcha, ainiochdmhor ud. A chionn so bha buaidh air comhairle ghlic agus impidh Dhr. Duff ’s an tìr, agus dh’ fhairich luchd-riaghlaidh e. Ach bha e soilleir nach fhad a leigeadh a shlàinte leis fuireach ann. Le corp dìblidh, ach le spiorad treun phill e a dh’ Alba ’s a’ bhliadhna 1864. An so mar an ceudua lean e a’ caitheamh agus air a chaitheamh airson Chriosd. Rinneadh e ’n a cheann-suidhe air Communn na h-Eaglais Saoire airson craobhsgaoileadh an t-soisgeil ann an tìribh chéin, agus le sin rinneadh e ’n a Fhear-teagaisg air Eòlas mu chraobhsgaoileadh an t-soisgeil ann an Oilthigh Shaoir Dhuinéidin. Ach ged a shaothraich e thar a chomas, le féin-aicheamh chomharraichte cha ghabhadh e sgillinn de ’n phàigheadh a bhuineadh dha, ach dh’ iarr e a chur chum craobhsgaoileadh an t-soisgeil am measg nam Fineachan. Ach bha a’ chrioch a’ tarruing dlù Aig Sidmouth an taobh deas Shasuinn air Demairt an 12mh là de dhara mios na bliadhna 1878, “choidil e.” Am measg a bhriathran mu dheireadh,ann am freagradh do ’n laoidh “Cia milis ainm Iosa mar fhuaim” thubhairt e leis an anail dheireannaich, “Dolabhairt!” Chaidh a ràdh le firiun, an là a. dhuin beul na h-uaighe ann an cladh a Ghrange an Duinéidin air là tiodhlaicidh Dhr. Duff, gu-n do dhuin e air aon de na daoinibh a ’s urramaiche a bha am measg dhaoine. Anns a’ chruth àrd, fhearail, a bha an sud, ghabh còmhnuidh, cha-n e mhain eud agus neart inntinn neoghnàthaichte, ach nàdur ’s an robh farsuingeachchd agus meud bha sonraichte, air a sheòladh agus air a naomhachadh le gràs mòr o Dhia. Cha do mheas e saothair ’us trioblaid amhgharach, ma ’s ann an seirbhis a’ Mhaighistir bha iad ri ’n giùlan. Gidheadh an uair a bha cor nam fineachan mar “theine ’n a chnàmhan,” cha d’ thug an t-eud ud. airson chàich air gu-n d’ fhàs e fuar ’n a ghràdh d’ a thigh féin. Modhail, caoin, cofhulangach, cha-n e mhain gu-n do choisinn e cairdeas ach gràdh. Ach ged a tha Dr. Duff air a thoirt uainn, tha obair Dhé a’ leantuinn air adhart. Agus mar a tha an obair a thoisich esan nis ’g a deanamh le daoinibh eile ’s na h-Innseachan, tha e ged a. tha e marbh fhathast a labhairt ruinne. Tha eachdraidh a bheatha ’cur mar cheist oirnne,—Co dhiubh tha sinne beò no marbh? Ma ’s ann beò, am bheil sinn ’saothrachadh airson Chriosd? Mur urrainn sinn saothrachadh, am bheil sinn ’leigeadh le ’r solus dealrachadh air a shon? Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. SCOTTISH “MONTHLY VISITOR” TRACT SOCIETY. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 205] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1880. AN DA FHEAR-TEAGAISG; NO, CO DHIUBH DO ’M BHEIL MI UMHAL? [Dealbh] IS i mo bharail gur e toradh searmonachaidh dhilis an t-soisgeil do ’n t-saoghal air fad (agus tha an fhìrinn ag ràdh gu bheil e ’n a luidhe ’s an droch aon) a bhi a’ bioradh na muinntir a tha ’g a eisdeachd gu goirt ’n an cridhe. Tha am bioradh cridhe so ’g a nochdadh fhéin air dà dhoigh. Bha e mar sin ri linn nan Abstol. Anns an dara caibdeil de leabhar nan Gniomharan, air an la’s an robh doirteadh mòr an Spioraid Naoimh ann, là na Cuingeis, ’n uair a theagaisg Peadar an sluagh, ag ràdh gun robh iad ’n an luchd-brathaidh, ’us ’n an luchd-mortaidh air an Tighearn Iosa Criosd, bha iad air am bioradh ’n an cridhe, agus ghlaodh iad, “Fheara, ’us a bhraithre, ciod a ni sinn?” Is e so a h-aon de na toraidhean a leanas searmonachadh dìleas, firinneach, an t-soisgeil. Ach an uair a shearmonaich Peadar an soisgeul ann an aon àite, agus Stephen an soisgeul ceudua ’an aite eile, (Gniomh. June 1880. “The Two Teachers.” [TD 206] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1880. TD 2] vii.) agus a bha an coimhthional air am “bioradh ’n an cridhe,” an àite dhoibh glaodhaich gu h-àrd ’s an aon àite, “Ciod a ni sinn chum ’us gun teàrnar sinn?” is ann a ghabh iad comhairle na luchd-teagaisg a mharbhadh; agus ’s an àite eile chas iad am fiaclan ris, agus le aon aonta leum iad air agus thilg iad as a’ bhaile e, agus rinn iad cordadh r’ a chéile esan a chur gu bàs. Far am bheil duine a’ labhairt ri daoine agus mnathan, mu ’m bheil eagal air gu bheil mòran diubh gun aithbhreith, mu tha e dìleas, agus firinneach, is i mo bharail gun tachair a h-aon de dhà ni, gum bi daoine air an toirt fo dhearbhadh, agus mar sin chum Dhia trid Iosa Criosd le a theagasg; éighidh iad gu h-ard “Ciod a ni sinn chum ’us gun tearnar sinn?”—air neo imichidh iad uaith a’ casadh am fiaclan ris, agus ag radh, “Beir o ’n talamh a leithid so de dhuine, oir cha chòir e bhi beò.” Is e mo ghuidhe ri Dia an Spiorad Naomh gum bi a leithid sud de thoradh air mo theagasg. Is e mo ghuidhe nach bi a h-aon agaibh a ’s urrainn falbh gun ghluasad o an ni a tha sibh ag éisdeachd, mur ’eil sibh ann an Criosd mar tha. Is e m’ iarrtus ’ur tabhairt, ma bheir Dia an comas, chum ’ur crioch dheireannach a chnuasachadh, agus a’cheist, “Ciod a bhuannachd a th’ agaibh ged a choisneadh sibh an saoghal uile, agus ’ur n-anam féin a chall?” Cha-n ’eil, cha-n ’eil, buannachd air bith! Ciod e nach tugadh an duine a fhuair bàs an dé, agus a dh’ éisd ri searmonachadh maitheanais peacaidh trid Iosa Criosd o laithibh ’òige, agus a dh’ fhàg an saoghal gun iompachadh—ciod e nach tugadh e nis air sgath tighinn air ais far am bheil thusa, chum a chluinntinn rìs gun d’ ardaich Dia Iosa Criosd “chum bhi ’n a Phrionnsa agus ’n a Shlànuidhear, chum aithreachas a thoirt do Israel agus maitheanas peacaidh?” Agus mar a tha e air a ràdh mu chuid, “Chaochail e an dé,” mar sin a bhrathar no a phiuthair ionmhuinn, bithidh e air a ràdh aon là mu do thimchiollsa. Their iad “chaochail e an dé,” no “chaochail i an dé.” Cia minic ’s a thubhairt thusa e mu charaid, no mu choimhearsnach, no mu luchd-daimh! agus ann an ùine aithghearr, their do chairdean,do choimhearsnaich, do luchd-daimh mu ’d thimchioll féin e. O, nam bitheadh iad ’g a ràdh an diugh, nan robh thu air bas fhaotainn an dé, tha mi ’g a chur mar cheisd ort c’ àite am bitheadh tu ’togail suas do shùilean? Saoil thu ’n ann ’s an ionad ud far nach ruig dòchas no tròcair a chaoidh? No an e do bharail gur ann far am mol iad Dia oidhche ’s a là gun tàmh, a seinn “Is airidh an t-Uan a chaidh a mharbhadh, oir ghlan e sinn ar peacaidhean ’n a fhuil féin.” Tha mi a’ guidheadh ort, cuir a cheist ort féin; ach cha-n ann ort féin; cha b’ urrainn thu a cur air neach na ’s miosa; tha mi a’ guidheadh dhiot, cuir air do Bhiobul i; cuimhnich car ùine bheag na ’s aithne dhuit de theagasg a Bhiobuil, na tha am Biobul ag ràdh mu thimchioll na muinntir a theàrnar, agus an dream a theid a dhìth, agus an sin ’g ad dhearbhadh féin le focal sgriobhta Dhé, freagair a’ cheist, “C’ àite am bithinn nam bitheadh iad a nis ag ràdh mu ’m dheighinn gun do chaochail mi an dé?” Cha-n ’eil ach da fhear-teagaisg ’s an t-saoghal uile, Dia agus an duine, Spiorad Dhé agus spiorad an duine. Tha iomadh ainm air spiorad an duine; faodaidh mi spiorad an uilc a ràdh ris, oir bhuineadh an t-ainm sin da; spiorad an duine, an spiorad a tha nis ag oibreachadh ann an clann na h-easumhlachd; dia an t-saoghail so,—agus Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Criosd. Cha-n ’eil luchd-teagaisg eile ’s an t-saoghal ach an dithis sin, agus cha-n urrainn duine beò teagasg an dithis a leantuinn. Tha na h-uile duine a’ leantuinn teagaisg neach no neach dhiubh. Tha e aon chuid a’ leantuinn teagaisg a spioraid féin, spiorad an duine, air neo tha e a’ leantuinn teagaisg Spioraid Dhé. Agus is e so an coimhstri mòr eadar Dia agus an duine, co dhiubh ’chreideas an duine a chridhe [TD 207] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1880. TD 3] féin, is e sin a spiorad féin, no a chreideas e Dia, agus teagasg Spioraid Dhé. Is e so an coimhstri mòr. Nis their sibh air ball, “Gu cinnteach is còir dhuinne Dia a chreidsinn air thoiseach air an duine, agus tha mise toilichte ùmhlachd a thoirt do Dhia air thoiseach air an duine,” ach an uair a their sibh sin, tha mòran agaibh, tha eagal orm, tha ’deanamh diochuimhne air an dearbh dhuine seach gach duine eile do nach còir ùmhlachd a thabhairt. An uair a their sibh nach toir sibh ùmhlachd do dhuine, gu-m bith eagal oirbh roimh Dhé ’us cha-n ann roimh dhuine, am bheil sibh a’ gabhail a stigh an duine sin mi féin? Creidibh mise, a chairde, gur e an namhaid a ’s mo, an droch fhear-teagaisg a ’s mo, an ti a ’s iarrtuinnich a tha air ar mealladh, agus fadheoidh ar milleadh, an spiorad a tha ann ar cridhe féin, an spiorad leis an thainig sinn stigh do ’n t-saoghal. Tha Dia ag innseadh dhuinn mu ’n spiorad so, a’ toirt duinn mar a chliù “gu bheil e anabarrach eucorach, agus cealgach thar na h-uile ni,” agus tha mi de ’n bharail gum faodadh ùrnuidh an duine dhuibh bhi air a beannachadh gu mòr dhuinn. Bha duine dubh a chaidh iompachadh air a chluinntinn ag ùrnuidh mar so, “O Dhia, teàruinn mi o ’m naimhdibh uile, gu h-àraidh o laimh an droch dhuine sin mi féin.” Nis, a chairde ionmhuinn, na ’m b’ àill leibh ùmhlachd a thoirt do Dhia, na ’m b’ àill leibh Dia a chreidsinn, na ’m b’ àill leibh Criosd a leantuinn, feumaidh sibh a rùnachadh a nis nach urrainn sibh sibh féin a chreidsinn, no ùmhlachd a thoirt do ’n fhéin, nach urrainn sibh sibh féin, agus ’ur miann féin a leantuinn. “Is cubhaidh dhuinn ùmhlachd a thoirt do Dhia air thoiseach air an duine.” Am bheil thu ullamh chum sin a dheanamh? An robh thu ’g a dheanamh gu so fad do bheatha? Ma bha, buinidh tu do chaoraich Chriosd; oir tha Iosa ag ràdh mu na caoraich aige gun éisd iad r’ a ghuth, agus gur aithne dha iad, ’us gu-n lean iad e. Ach ma tha iad an so aig nach ’eil an comharradh ud, a dh’ fheumas aideachadh, am measg an sochairean uile, nach ’eil Dia mar fhear-teagaisg aca, nach e Criosd gu léir a bha iad a’ leantuinn ach teagasg, gliocas, agus miann an cridhe féin, oh mata, leigibh leam a’ cheist so a chur, nam b’ e so là do bhreitheanais, ciod an toradh a bh’ agad dhe bhi ’leantuinn teagaisg do chridhe fhéin? C’ àite an do threòraich e thu? Ciod a’ chrioch bhitheas agad? A bhrathar, a phiuthair ionmhuinn, ciod e na ’m faigheadh tu bàs an diugh ’us thu fo threòrachadh do chridhe féin? Dh’ innis an cridhe sin ’n uair a chuala tu mu Iosa an toiseach, gum bu duaichnidh, truagh, seirbhis Iosa. Agus chreid thu do chridhe agus lean thu e; agus cha do chreid thu Iosa. agus cha do lean thu e; agus tha thu nis air tighinn gu leabaidh tinneis, gu leabaidh bàis, agus ged a thug an saoghal dhuit gach ni a gheall e, ged nach do mheall e riamh thu, (cha-n ’eil mi ag ràdh gur ann mar sin a tha,) eadhon ged a dheanadh e air do shon na b’ urrainn e, ciod e a’ bhuannachd a th’ agad ma ’s e an ath uair uair do bhreitheanais? Farraidibh dhibh féin, a chairde, sibhse a lean ’ar cridhe féin, nach do mhealladh sibh? agus nach b’ fhearr gu mòr na ’m b’ ann a’ toirt ùmhlachd do Chriosd a bha sibh, a cheannaich sibh le’ fhuil féin chum gloire Dhé? Nach e bhi’toirt ùmhlachd do dhaoinibh air thoiseach air Dia a thug gu so sibh, gu-m bith sibh caillte, truagh, bochd, ma bhitheas agaibh ri taisbeanadh an làthair caithir-bhreitheanais, ged a bhitheadh saoibhreas an t-saoghail uile agaibh? Am bheil so gu leantuinn? Cia fad ’us a dh’ fhanas tu mar so? B’ fhad leat uaireigin gus am bitheadh tu cho sean ’s a tha thu an diugh, ach thainig e; tha an là so air tighinn; tha an là so air tighinn ged a shaoil leat uaireigin gu ’m b’ fhad as e. Agus mar sin thig an uair, ged is fad as e a réir do bharailse anns am feum thu bàsachadh; seadh, thig an dearbh uair anns am bith thu do cheud chuig mionaidean aon chuid ann an nèamh, [TD 208] [DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1880. TD 4] no ann an ifrinn. Am bheil thu a’ rùnachadh do chridhe fhéin a leantuinn fhathast? Am bheil thu a’ rùnachadh ùmhlachd a thoirt do ’n duine? Am bheil? Freagair a’ cheist do Dhia; na freagair dhomhsa i. Is e Dia ’us cha mhise tha ’g a cur ort. Carson nach do bhàsaich thu an dé? Am bheil thu cho eòlach air do Bhiobul ’us gur urrainn thu freagradh ’thoirt as do Bhiobul do ’n cheist, carson nach do bhàsaich thu an dé! A thaobh gu bheil Dia fad-fhulangach leat; a thaobh nach ’eil e toileach gu-m bàsaicheadh neach air bith, ach gu-m pilleadh e agus gu-n deanadh e aithreachas. Is e sin an t-aobhar. ’N uair a dheanadh fear-casaid nam braithrean casaid ort am fianuis na caithreach, sheas a h-aon an sin, agus thubhairt e, “Cha-n ann am bliadhna so, Athar; cha-n ann an diugh, Athar; fuirich gus an cladhaich mi timchioll da beagan fhathast; fuirich gus an dearbh mi aon uair eile e; oh, na gearr sios an diugh e; coimhead gus an là maireach e; theagamh gun gabh e aithreachas.” Oh, a chairde ionmhuinn, cuimhnichibh gur fior, cinnteach, neo-mhearachdach gach ni a tha air aithris mu Iosa o Nasaret; gun d’ thainig e nios o nèamh, air son dhaoine, air son ar slainte; seadh an uair a bha slighe Dhé a dh’ ionnsuidh dhaoine air a druideadh suas mar bha slighe dhaoine a dh’ ionnsuidh Dhé, an sinn gun d’ thainig Iosa Criosd a dh’ ionnsuidh an t-saoghail pheacaich so, am measg a pheacaidh, agus gun do chuir e as do ’n pheacadh le e fhéin ’iobradh agus trid brat-roinn ’fheola, gun d’ fhosgail e slighe troimh am faodadh, cha-n e mhain sinne bhi air ar pilleadh chum Dhé, ach troimh am faodadh Dia pilleadh a dh’ ionnsuidh a pheacaich; agus tha e ’n a sheasamh an sin agus a’ glaodhaich fhathast. “Is mise an dorus.” Ach theagamh fhathast gur ann do ’n duine us cha-n ann do Dhia tha sibh ’toirt ùmhlachd, ’leantuinn ’ur cridhe féin agus cha-n e Iosa Criosd, neach a threòraicheadh sibh gu Dia. Ach a dh’ aindheoin uile na rinn sibh, dh’ aindheoin ’ur mighnèdhealachd, ’ur cruas, ’ur neo-churam, ’ar n-olc agus a mhain olc a ghnàth ’n a aghaidhse, tha e ’tighinn an diugh a rìs agus a’ toirt tairgse ùir de maitheanas agus slàinte dhuibh, agus e ag ràdh, “Pillibh, pillibh, c’ uime bhàsaicheadh sibh?” A chairde ionmhuinn, is eagallach am focal sin anns an litir chum nan Eabhruidheach, “Tha an Spiorad Naomh ag ràdh, An diugh, ma dh’éisdeas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ’ur cridhe, mus toir e mionnan ’n a fheirg nach teid sibh a steach d’ a shuaimhneas.” Ma dhiùltas sibh an diugh, faodaidh e bhi gur e an uair mu dheireadh e ’sam faigh sibh a’ ghairm. Ma thainig an smuain idir stigh do ’r cridhe, “Tha mi a’ reic mo choir-bhreithe airson cuibhrionn de bhrochan dearg, tha mi a’ strì ri seirbhis a dheanamh do dhà mhaighistir, cha-n ’eil mi ’deanamh mar bu chòir dhomh, agus a’ dearmad bhi an toiseach ag iarraidh rioghachd Dhé agus ’fhireantachd,” tha mi ’guidheadh dhibh gun toir sibh caidreamh dhà, agus is i m’ ùrnuidh gun cuir an Spiorad Naomh an sàs ’n ’ur cridhe e mus teich e uaibh. (By the late Brownlow North.) Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. SCOTTISH “MONTHLY VISITOR” TRACT SOCIETY. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 209] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1880. LAITHEAN A’ CHOLERA ANN AN ALBA. [Dealbh] THAINIG cholera na h-Airde an Ear an toiseach do ’n tìr so ’s a bhliadhna 1832. Bha daoine fad a’ caithris le mòr chùram a chùrsa, mar a thainig e air adhart. ’N uair a dh’ fhoillsicheadh e bha uamhas ann. Bha na h-uile comharradh air an eucail n’ a chuis eagail; agus bha aireamh nach robh beag a bha gun chùram ’us gun Dia, air an gluasad, le bàs an cairdean ’us an coimhearsnaich, air gach laimh, gu bhi a’ beachdachadh air an cunnart féin, agus air cho neo-ullamh ’sa bha iad gu bhi ’seasamh an làthair Dhé. Bha cuid ann a dhiùlt éisdeachd ri focal comhairle no caismeachd, a lean slighe na gòraiche riamh, le cridhe air a chruadhachadh an aghaidh Dhé, a bha nis toileach air éisdeachd ri cuiridhean an t-soisgeil agus ri tairgsean na tròcair. Bha Eoin Pearsoin’n a Chriosduidh cothromach, leis am bu mhaith bhi ’labhairt m’ a Shlànuidhear. Ach cha July 1880. “Days of Cholera in Scotland.” [TD 210] [MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1880. TD 2] robh toil ’s am bith aig a choimhearsnaich neochùramach do ’n ni a lion esan le aoibhneas agus le gràdh do anamaibh dhaoine, gus an d’ thainig Dia dlù ann am breitheanas. An sin fhuair e cluasan fosgailte a bha roimh dùinte, agus cridheachan a’ leaghadh le h-eagal, a bha roimhe sin ’deanamh gairdeachais anns an eucoir. ’N a fhigheadair a thaobh ceirde, ghabh e còmhnuidh ann am baile beag dùthcha, agus chuireadh ’g a iarraidh là le duine a chunnaic gu-n robh anam aige, ’us nach robh e air a thearnadh. Choinnich neach ris air an t-slighe, a dh’ iarr e a choimhead duine a bha ’bàsachadh leis a’ cholera. Bha an duine faisg air a’ chrich, ’us bha e gun mhothachadh do ni air bith. Rinn Eoin ùrnuidh leis an teaghlach, ag athchuinge o Dhia ann am beagan bhriathran, a ghràs agus a bheannachd dhoibh, agus a’ sparradh orrasan air leth, agus a nis, gu-n iarradh iad an Slànuidhear “a chionn,” ars’ esan, “an uair nach saoil sibh gu-n tig Mac an duine.” Chaidh e gu tigh Phadruig Uilson, an duine ’chuir air a shon. Fhuair e e fo imcheist mhòir, agus ro thinn, ged a thachair nach e an galar as an robh an t-eagal a bh’ ann, agus gu-n d’ thainig e troimhe. Ach a nis bha eagal mòr air as a bhàs, agus á breitheanas Dhé. “Tha thu airson cluinntinn mu ’n t-Slànuidhear, a Phadruig?” ars’ Eoin. “Oh, na ’m bitheadh Slànuidhear ann air mo shon!” “Tha Slànuidhear ann air do shon. Tha Dia ag radh, ‘Seallaibh riumsa agus bithibh air ’ur teàrnadh, uile chriocha na talmhainn.’ Agus thubhairt Criosd, le a bhilibh féin, ‘Thigibh do ’m ionnsuidh sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm uallaich agus bheir mise suaimhneas dhuibh.’” “Oh, a dhuine,” ars’ Padruig, “tha mise ’n am pheacach mòr!” “Tha,” ars’ Eoin, “ach ‘thainig Criosd a shireadh ’s a theàrnadh an ni a bha caillte.’” (Luc. xix. 10.) “Cha-n’eil fhios agaibhse air na rinn mise uile; cha mhòr gu bheil fhios agam féin air.” “Faodaidh sin a bhi fìor,” ars’ Eoin, “ach is ann dìreach a theàrnadh do leithid a thainig Criosd. Thubhairt e: ‘Cha d’ thainig mise a ghairm nam fìrean, ach peacaich a chum aithreachais.’ Is e dìreach peacaich a ’s urrainn e theàrnadh.” “Och! ach tha mise na ’s miosa na càch.” “Cha-n ’eil thu ro olc air a shonsa, a Phadruig. ‘Tha e comasach air an dream thig a dh’ ionnsuidh Dhé tridsan a theàrnadh gu h-iomlan.’ (Eabh. vii. 25.) Am bheil thu ag iarraidh gu-n deanadh Criosd do theàrnadh?” “Tha ma dh’ fhaodas e bhi.” “Cha-n fhaod a bhi nach ’eil thu ’creidsinn gu bheil Esan comasach?” agus leugh Eoin as a’ Bhiobul an earrainn a dh’ aithris e, agus na tha Mata ag iomradh, (ix. 10-13,) mu Iosa ann a thigh ag itheadh maille ri cismhaoir agus peacaich, ’n uair a fhreagair e am Phairiseach: “Cha d’ thainig mise a ghairm nam fìrean, ach peacaich chum aithreachais.” “Aith—reach—as?” arsa Padruig. “Seadh, aithreachas. Bu mhaith leat fhios bhi agad air ciod e sin? Is e dìreach teicheadh chum Chriosd gu saorsa fhaighinn o ’n pheacadh. ‘Ghiùlain Esan ar peacaidhean ’n a chorp féin air a chrann,’ (1 Pead. ii. 24;) agus ‘le a chreuchdaibh-san shlànuicheadh sinn.’ (Isa. liii. 5.) Ma tha an t-eòlas ud gu-n d’ fhuiling aonghin Mhic Dhé airson peacaidh mar so, ’g ad thoirt gu fuath thoirt do ’n pheacadh, agus gu earbsa a chur asasa chum saoradh uaith, is e sin an t-aithreachas. ‘Lotadh e airson ar peacaidhne, bhruthadh e airson ar n-aingidheachdan; leagadh airson smachdachadh ar sìthe, agus le a chreuchdaibh-san shlànaicheadh sinne.’” (Isa. liii. 5.) “Agus am bheil agamsa ri sin a chreidsinn?” arsa Padruig. “Tha, gu cinnteach; is e focal Dhé e nach dean breug. Bha Mac an duine, (mar a tha Criosd ’g a ainmeachadh fhéin,) air a thogail suas, chum ’us cia b’ e a chreideadh ann nach bàsaicheadh e ach gu-m bitheadh a’ bheatha mhaireannach aige.” (Eoin iii. 14, 15.) “Is e a ghràdh do pheacaich thug chum an t-saoghail e, a bhàsachadh [TD 211] [MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1880. TD 3] air an son; agus a nis tha e air eiridh a rìs, ’n a Phrionnsa agus ’n a Shlànuidhear, chum aithreachas agus maitheanas peacaidh a thoirt seachad, (Gniomh. v. 31;) agus air an aobhar sin tha sinn a’ guidheadh airsan agus ag aideachadh ar peacaidhean dhasan, a tha ’n a Dhia co-ionann ris an Athair.” An sin chaidh iad cuideachd a dh’ ionnsuidh caithir nan gràs, a’ doirteadh mach an cridhe do Dhia, “a chuimhnich oirrne ’n ar staid iosail, oir mairidh a THROCAIR gu bràth.” Ann an tigh beag eile, far an deachaidh iarraidh air Eoin Pearson dol a stigh, fhuair e bean làn eagail mu neochinnteas a latha, fo uamhas leis cho liutha bàs ’s a chunnaic i m’ a timchioll, agus eagal a’ bhàis oirre fhéin. Labhair e rithe mu neach a ’s urrainn gath a’ bhàis thoirt as, agus dh’ innis e dhith gu dùrachdach gur e an gath am peacadh, ag iarraidh gu-m faiceadh i gu-m b’ e’ am peacadh aobhar a h-eagail ’us a cunnart le chéile. (1 Cor. xv. 56.) Ach cha do thaitinn an teagasg rithe, mar nach b’ fhearr ise na eucoirich na ’s mò. Thubhairt i, “Faodaidh mise bhi ’n am pheacach, oir cha robh mi ’s an eaglais cho tric ’s a bu chòir dhomh, agus le firinn dhuibhse, cha do leugh mi am Biobul mar bu dleasdanach dhomh, ach cha robh mi riamh ’n am bhan-eucorach cosmhuil ri cuid eile ’s a bhaile so.” “Ach,” ars’ esan, “dh’ fhaodadh tu bhi ’dol an eaglais gu rianail, agus a bhi ’leughadh a’ Bhiobuil gu bith-dheanta, agus a bhi fhathast theagamh ’n ad pheacach gun mhaitheanas.” “Ciod e ni mi mata?” “Ma ghuidheas tu o Dhia do chridhe fhéin ’fheuchainn duit, chum ’us gu-m faic thu am peacadh a th’ ann, agus ma dh’ éisdeas e ri do ghuidhe, cha bhi thu ullamh air thu fhéin ’fhaicinn na ’s fhearr na daoine eile.” Dh’ iarr e oirre an sin amharc ri Soisgeul Lucais, caib. xviii. earr. 9. Fhuair i Biobul, a thug i do Eoin, ag ràdh, “Leughaibh fhéin e, ma ’s e sin ’ur toil.” Leugh e an cosmhalachd a labhair Iosa ri “dream àraidh a bha ag earbsadh asda féin gu-n robh iad ’n am fìreanaibh, agus a’ deanamh tair air dream eile,” agus beagan earrainnean aig toiseach an 13mh caib. de Lucas, agus an sin ghuidh e o Dhia gu-m faigheadh i eòlas air a’ pheacadh, agus air Criosd mar Shlànuidhear freagarrach dhi. Chaidh Eoin a nis a choimhead air ’fhior charaid, a’ Bhantrach Uatson. Fhuair e i ’n a leabaidh air a cumail suas le cluasagan; am Biobul aig a h-uilinn, agus Fois an naoimh le Baxter fosgailte roimhe. “Tha nithean ro mhaith agad an sin, Ealasaid,” ars’ esan a’ cur failte oirre. “Tha, tha, Eoin, cha-n urrainn mi ràdh gu bheil mi ’caoidh mo Thighearn a bhi uam, oir tha an Tighearn maille rium; ach tha mi a’ feitheamh r’ a ghairm, agus fo iongantas gu bheil i cho fad a’ tighinn.” “Tha feum aige ort an so fhathast. Is aithne do ’d choimhearsnaich d’ eòlas air beatha nan gràs.” “Is e an Tighearn mo chuibhrionn.” “Cha-n ’eil eagal a’ bhàis ort, Ealasaid.” “Buidheachas do Dhia,” ars’ ise, “thug dhuinn a’ bhuaidh, troimh an Tighearn Iosa Criosd. Ach oh! is maith a dh’ fhaodar righ nan uamhas a ràdh ris do pheacaich.” Dh’ innis e dhi mu ’n fheadhain air an robh e ’coimhead, agus ghuidh iad le chéile gu-m beannaicheadh Dia do Phadruig Uilson (aig an d’ fhosgaileadh a chridhe) firinn ’fhocail a chuireadh roimhe, chum agus mar naoidhean air ùr-bhreith gu-n “iarradh e bainne fior-ghlan an fhocail chum ’us gu-m fàsadh e leis.” (1 Pead. ii. 2.) Dh’ iarr iad an Spiorad chum inntinn an neach eile a shoillseachadh, mu-n pheacadh, agus mu ’n Fhear-saoraidh uaithe; agus gu-m bitheadh na coimhearsnaich uile air an toirt gu Criosd iarraidh agus ’fhaighinn mar an Slànuidhear air an robh feum aca. Mu ’n d’ fhàg iad an t-sràid chaidh Eoin a rìs a choimhead Phadruig. Fhuair e mar thoradh air a chonaltradh gu-n robh e na ’s socraiche, agus gu-n robh a smuaintean na ’s mò air Iosa, caraid a’ pheacaich. Chomharraich Eoin beagan earrainnean anns an fhocal a bha e gu leughadh, mar a [TD 212] [MIOS DEIREANNACH AN T-SAMHRAIDH, 1880. TD 4] gheibheadh e cothrom: Isa. liii.; Salm xxxii. ’us li.; Luc. xv.; an eachdraidh bheag aig crioch an 18mh caib. de Shoisgeul Lucais, agus toiseach an 19mh caib.; Eoin iii.; Mat.ix.; agus cunntas nan soisgeulaiche mu fhulangas, aiseiridh, agus ardachadh ar Tighearna. Air iarrtus Phadruig thug Eoin Pearson d’ a ionnsuidh Tiomnadh Nuadh le litir mhòir ’s a chlobhualadh, freagarrach do neach nach robh maith air leughadh. Chleachd Padruig so le dùrachd, ’dol troimh dhuilleig an deigh duilleig, a’ leantuinn nan litrichean le tuilleadh saorsa gach là, agus le tuilleadh iongantais agus tlachd. Dh’ fhan Padruig anns an tigh bheag a bh’ aige roimhe, dh’ oibrich e ’s an aon mhèin, agus leis na companaich ceudna. Ach bha e nis ann an saoghal ùr, oir bu duine nuadh e fhéin. Roimhe sin cha robh anns an t-Sàbaid ach “là tàimh” a thainig leis gach seachduin. B’ e an là a roghnaicheadh airson cathan choileach, ann an àite àraidh, mar bu fhreagarraiche do bhailtibh beaga nam meinearan. An déigh dha suidheadh ’s an tigh-osda, gheibteadh Padruig ’dol dathigh leis an eun bhochd, reubta, aige fo a chota, gu ’altrum mu choinnimh là catha eile. Leig e dheth na coilich catha; ach cha d’ rinneadh manach dheth. Cha do sheachuinn e a luchd-eòlais, ged a sheachuinn e an slighean. Thilgeadh e peilisteir cho maith ri duine aca, is ann bu mhaith leis a chomas fheuchainn; ach leig iad dhiubh airgiod iarraidh air, no e dhol stigh air dorus tigh-osda, oir bha fios aca nach robh maith dhoibh “geall” iarraidh air, agus cha ghabhadh e ’us cha tugadh e deoch laidir. Chaidh e stigh ann an sgoile Chriosd. Fhuair Padruig Uilson a nis Slànuidhear a shaor e o pheacadh, agus rinn sin duine sona dheth. Bha Biobul aige nis, agus b’ e “focal Dhé e.” Bha Sàbaid aige nis, agus b’ e “là an Tighearna e.” Bha an t-ionad naomh aige nis, agus b’ e “tigh Dhé e.” A nis ann an cleachdadh naomh na h-ùrnuidh, thainig e dlù ri “caithir trocair” agus b’ e “geata neimh” e. Thug a bheatha fianuis dha fhéin ’us do na b’ aithne ciod e an gné duine a bh’ ann roimhe, agus na bha e nis, gu-m bheil am focal ud fior, “An ti a thig do ’m ionnsuidhse cha tilg mi air chor ’s am bith a mach e.” (Eoin vi. 37.) Mar so bha seirbhis chreidmheach Eoin Pearsoin, figheadair bochd air aideachadh leis an Tighearn. “An duine a dh’ iompaicheas peacach o sheacharan a shlighe, saoraidh e anam o bhàs, agus folaichidh e mòran pheacaidhean.” A leughadair! an d’ aithnich thusa riamh, le Eoin Pearson, aoibhneas iongantach, nuadh, a’ tighinn o anam a chosnadh do Chriosd? No an ann tha thu coslach ri Padruig Uilson ’n a cheud fhaireachadh, no ris a’ bhean “a dh’ earb aisde fhéin gu-n robh i fìreanta?” Bitheadh do chaitheamh-beatha air an là a dh’ fhalbh, no do chor a nis mar a dh’ fhaodas iad, tha e cho fior NIS, —cho fior dhuitse—’s a bha e riamh, “An ti a thig a ’m ionnsuidhse cha tilg mi air chor ’s am bith a mach.” (Eoin vi. 37.) Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. SCOTTISH “MONTHLY VISITOR” TRACT SOCIETY. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 213] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1880. GOPI NATH NUNDI. [Dealbh] B’ E GOPI NATH NUNDI a h-aon de na ceud iompachain aig obair Dhr. Duff ann an Calcutta, oir bhaisteadh e ’s a’ bhliadhna 1832. Tha e nis o cheann bhliadhnachan ’n a mhinistear suidhichte an ceangal ris an Eaglais Phresbiterich Americanaich. Bliadhna na dha an deigh a bhaistidh chaidh e gus an iar-thuath chum cùram a ghabhail de sgoil Chriosduidh eadar Allahabad agus Cawnpore; o sin phill e gu a sheann àite aig Futtehpore. An sin shaothraich e leis fhéin; agus troimh bheannachadh Dhé, bha eaglais ’s an robh àireamh mhaith a shluagh de dhaoinibh na dùthcha air a tional o mheasg nan cinneach. ’S a Mhaigh 1857, an deigh nam mort eagallach aig Meerut agus Delhi, lion uamhas an tìr. Air a’ cheathramh là thar fhichead de ’n mhios ud, dh’ iarr an t-uachdaran aig Futtehpore air na baintighearnan o ’n Roinn-eorpa agus boirionnaich Criosduidh de August 1880. “Gopi Nath Nundi.” [TD 214] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1880. TD 2] ghnàth na dùthcha teicheadh gu Allahabad. Chaidh Gopi Nath ann le a bhean ’s a chloinn, agus mnathan agus clann nan Criosduidhean eile. Ach air dhoibh Allahabad a ruighinn, fhuair iad nach robh cuisean na b’ fhearr an sin na far an robh iad. An déigh cuig no sé uairean de theagamh uamhasach, runaich iad mu ’m briseadh an ath là, gu-n rachadh iad thar amhainn Iumna, agus dol do Mhirsapore mu thri fichead mile air falbh. Dh’ fhalbh iad air an cois. Is e na bha dhiubh Gopi Nath, agus a bhean, da ghille beaga, agus naoidhean aig broilleach a mhàthar. An deigh dhoibh coiseachd beagan mhiltean, dhiult na cosan goirt aca an giùlan na ’s fhaide, agus thuit iad sios, a’ fannachadh. “An sin,” arsa Gopi Nath, “ann an teanntachd mhòir, gun fhios ciod e a dheanainn, thog sinn ar cridhe ris-san a tha deas gu éisdeachd a thoirt d’ a phobull creidmheach.” Agus cha b’ ann an diomhanas. Mar a bha iad ag ùrnuidh, thainig cart falamh air aghart, a bha ’pilltinn mar sin, agus dh’ aontaich an duine leis am bu leis e an toirt air an aghart beagan mhiltean. Air dhoibh an t-àite comharraichte a ruighinn leig e sios iad ann an raon fosgailte fo theas gréin a’ mheadhoin latha, agus gaoith loisgich. Bha iad air ball air an cuairteachadh le sluagh a’ bhaile, ’us bataichean troma, claidhean, ’us musgaidean ’n an làmhaibh. A rìs thog iad suas an anam gu Dia, agus a rìs shaor e iad. Thainig uachdaran an àite, Hinduach, do ’n ionnsuidh, dìreach aig an àm cheart. Dh’ aidich Gopi Nath air ball gu-m bu Chriosduidhean e fhéin ’us a theaghlach, agus gu-n robh an dòchas ann an Dia nan Criosduidhean. Bha eagal air an uachdaran á na dh’ fhaodadh tighinn air a rìs, agus thug e air an t-sluagh an leigeadh as gun lochd. Mu luidhe na gréine ràinig iad baile beag mu dha mhile dheug o Allahabad. O ni a chual’ iad thog iad gu-n robh am Brahman a thug aoidheachd dhoibh a’ cur roimhe am mortadh ’n uair a bha iad ’n an codal, agus an cuid a chumail da fhéin. Ach dh’ fhan iad ’n an duisg fad na h-oidhche, agus mhealladh e. Chaith iad an oidhche ag ùrnuidh agus a’ seinn cliù an Athar air nèamh. Chunnaic iad na leanas anns an àite ud. Bha duine ris an can iad sais, no fear-coimhead each, a’ pilltinn o Chaunpore gu Mirsapore, le a mhnaoi, ’us aon leanamh, mu bhliadhna dh’ aois, agus ghlacadh e leis an t-sluagh. Rinn iad greim air an t-sais an toiseach, agus thug iad uaithe na bh’ aige gu léir. An sin spion iad an leanamh á gairdeinibh a mhàthar, agus ’g a ghlacadh air an dà chois, chuir iad an t-eanchainn as le a cheann a bhualadh air cloich! Air dhoibh là ’us oidhche eile ’chaitheamh gun chodal, dh’ fhalbh iad air an turus cunnartach. Ach cha mhòr gu-n rainig iad an rathad mòr ’n uair a chuairticheadh iad le daoinibh eucorach fo arm. Dh’ innis Gopi Nath dhoibh gu simplidh gur e bh’ ann ministear Criosduidh—gu-m b’ e a ghairm bhi a’ searmonachadh an t-soisgeil—gu-m faodadh iad deanamh ris mar a b’ aill leo, agus gu-n striochdadh esan do thoil Dhé gu h-iorasail. An deigh dhoibh na bh’ aca a thoirt diubh thoisich na mearlaich air connsachadh, agus fhuair Gopi Nath agus a theaghlach teicheadh as. Air dhoibh an rathad gu Mirsapore fhaighinn air a bhacadh dhoibh le buidhnibh de dhroch dhaoinibh, rùnaich iad pilltinn gu Allahabad; agus an déigh mòran trioblaid fhulang, rainig iad amhainn Iumna. An uair a bha iad ’dol thar an amhainn, chunnaic iad an tigh-chòmhnuidh aca air a losgadh, an eaglais bhreagh air a milleadh—agus iomadh comharradh eile air gach laimh, air a mhilleadh a rinneadh. Air dhoibh dol air tìr thoisich na Mahometanaich, ’n uair a chual’ iad gu-m bu Chriosduidhean iad, air glaodhaich airson am beatha. Agus chaidh am beatha gu cinnteach a thoirt dhiubh, mur b’ e gu-n do chuir Dia ann an cridhe òr-cheird Hinduich [TD 215] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1880. TD 3] truas a ghabhail riu, agus an gabhail stigh d’ a thigh fhéin. Thugadh iad am fianuis Maulabhi, no Mahometanaich fhoghluimte, a ghairm e fhéin ’n a uachdaran air Allahabad ann an ainm Rìgh Delhi. Air an rathad gu a’ Mhaulabhi theab iad uair ’us uair am beatha a chall. ’N uair a ràinig iad e bha e ’n a shuidhe mar rìgh air caithir, agus daoine le claidhean rùisgte timchioll air. An sin thoisich còmhradh, a tha an so mar a dh’ aithris Gopi Nath fhéin e:— Maulabhi—Co thu? Gopi Nath—Tha sinne ’n ar Criosduidhean. M.—Co as a thainig sibh? G.—A Futtehpore. M.—Ciod i a’ cheaird a bh’ agad? G.—A’ searmonachadh agus a’ teagasg creidimh Chriosd. M.—Am bheil thu ’n ad mhinistear? G.—Tha. M.—An d’ thusa a b’ abhaist bhi ’dol mu ’n cuairt a’ leughadh agus a’ craobhsgaoileadh leabhraichean ann an sràidibh agus ann am bailtibh beaga. G.—Is mi; mi fhéin agus mo cheistear. M.—Cia meud Criosduidh a rinn thu? G.—Cha d’ rinn mise a h-aon, oir cha-n urrainn duine cridhe duine eile atharrachadh; ach thug Dia tromhamsa mar mheadhon, mu dheich thar fhichead no dà fhichead pearsa gu Criosd aideachadh. Air dha so a ràdh, dh’ fhàs am Maulabhi feargach agus dh’ éigh e ann an corruich, “Mo nàire, mo nàire, is e th’ ann an so toibheum. Cha-n ’eil Dia a ’deanamh michreidmhich,” (a’ ciallachadh Criosduidhean;) “ach tha sibhse, a mhichreidmhich, a’ mealladh an t-suaigh.” M.—Cia meud Mahometanach a mheall thu a dh’ ionnsuidh do chreidimh? G.—Cha do mheall mise duine; ach trid grais Dhé thionndaidh mu dha Mahometanach deug, troimh mo shaothair-sa, o dhorchadas chum solus glòrmhor an t-soisgeil. Air dha so a chluinntinn, dh’ eigh am Maulabhi ann an corruich mhoir, “Is eucorach mòr thu, fior shlaoiteir! Thréig thu creidimh d’ aithrichean, agus chleachd thu na h-uile meadhon gu daoine eile a thoirt leat air slighe na leirsgrios. Tha thu a’ toilltinn a’ pheanais a ’s goirte. Feumaidh tu bàs piantach ’fhulang. Is i mo bhreth mata, gu-n teid do shròn, do chluasan, agus do làmhan a ghearradh dhiot o àm gu h-àm chum gu-m bi d’ fhulangas na ’s goirte. Nithear an ni ceudna air do mhnaoi, agus nithear traillean de ’d chloinn.” An so bha bean Ghopi Nath comasach air ràdh ris a Mhaulabhi gu fearail, “O ’n tha againn ri bàsachadh cha-n ’eil agam ri iarraidh mar fhàbhar, ach nach bitheadh sinn air ar dealachadh o ’chéile ann ar bàs; agus an àite ar pianadh, gu-n cuireadh sibh gu bàs sinn ceart comhluath.” Bhean sud ri cridhe an duine. An déigh ùine, thubhairt e, “Moladh do Dhia! tha neul ort bhi ’n ad dhuine eireachdail; tha truas agam riut fhéin ’us ri ’d theaghlach. Mar charaid tha mi ’toirt a’ chomhairle oirbh tionndadh gu creidimh nam Mahometanach; le so a dheanamh, cha-n e mhàin gu-n tearnadh sibh ar beatha, ach dh’ éireadh sibh gu inbhe ard.” B’ e freagradh Ghopi Nath do so, gu-m “b’ fhearr leo am bàs fhulang, no bhi air an tarruing, le ni ’s am bith a b’ urrainn e tairgseadh dhoibh, gu an creidimh ann an Iosa Criosd an aon Slanuidhear fior a thréigsinn.” Air dha bhi car uine ann an teagamh, b’ e ’bhreth mu dheireadh so:—“Mata, o ’m thruas, gheibh sibh trì laithean; air na laithean sibh bithidh cabhar air a thoirt duibh chum an Coran, (leabhar naomh nam Mahometanach,) a leughadh. Ma chreideas sibh an sin, agus gu-n tionndaidh sibh, bithidh a’ chùis ceart. Ach mur creid bithidh na sroinean, na cluasan, agus na làmhan air an gearradh dhibh.” Is e a fhreagair Gopi Nath, “Cha ruig sibh leas; oir fhad ’s a bheir e gràs dhuinn cha tréig sinn ar creidimh.” Cha d’ thubhairt am Maulabhi focal, ach chomharraich e do na daoinibh aige an toirt chum a’ phriosain. Air dhoibh am priosain a ruighinn, b’ ioghnadh leo agus bu bhròn doibh a bhi ’faighinn an sin àireamh de Chriosduidhean eile do ghnàth na dùthcha, oifigeach Breatunnach, agus Sasunnach uasal eile, le a mhnaoi agus cuignear chloinne. Air dha fhaicinn gu robh briathran Ghopi Nath ’toirt misnich do na priosanaich eile, sgar an t-eucorach a bha ’coimhead a’ phriosain e fhéin ’us a theaghlach o chàch; agus leum [TD 216] [CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1880. TD 4] e fhéin ’us buidheann de a leithid eile orra le airm—a’ slaodadh Gopi Nath leo a mach agus a’ cur a chosan an gréim anns na stuic—’beirsinn air a mhnaoi air an fhalt—’bualadh a cinn air cloich—agus a ’deanamh leon air a bathais a dh’ fhàgas a lorg r’ a beò innte. Bha am fulangais a nis ro mhòr. Bha Gopi Nath air an taobh a muigh le a chosaibh anns na stuic gu teann. agus a cheann gun chomhdach, air fhàgail buailteach do theas na gréine loisgich agus na gaoithe teth. Mu dheireadh, air an treas là, thainig uair an dearbhaidh. Ach cha do chuir am Maulabhi ’g an iarraidh. Air an seathamh là thainig e fhéin; agus ag amharc air Gopi Nath thubhairt e le taire, Am bheil thu socrach? Is ’e a fhreagair e, “Ciamar a b’ urrainn mise bhi socrach, ’us mi mar so air m’ fhagail ris, oidhche ’us là, le mo chosan ’s na stuic? Ach tha foighidin agam, o ’n is e toil m’ Athar air neamh a th’ ann.” A rìs dh’ fheuch e toirt orra Criosd a thréigsinn. Ach tha robh giùlan aige leis an seasmhachd leis an do lean iad ann am bhi a’ diultadh, agus le an rùn suidhichte “deagh fhianuis” a thogail air taobh Chriosd. Dh’ fhalbh e fo fheirg agus a’ rùnachadh dioghaltas a dheanamh. Air an dearbh là sin, an seathamh là dhoibh ann an daorsainn, thainig buidheann de shaighdearaibh de ’n armailte Innseanaich fo Sheanaral Neill nach maireann l’ a chuid daoine mach as a chaisteal, a’ toirt ionnsuidh air na ceannaircich. An déigh comhraig chruaidh, bha iad sin air an ceannsachadh gu h-iomlan; agus Gopi Nath agus a theaghlach, agus na priosanaich eile, air an saoradh. Beagan an déigh sud bha iad tearuinte ’s a’ chaisteal, agus a ’sealbhachadh na h-uile caoimhneis. An sin le aon ghuth rinn iad féin agus na bràithrean eile ’s an aon obair, Dia a mholadh, a chum suas iad gu h-iongantach am measg dheuchainn agus fhulangas, agus a thug neart dhoibh chum fianuis dhìleas a thogail air taobh ainme bheannaichte Chriosd. A leughadair! am faca tusa ni riamh ann an Criosd a dh’ fhàg e cho luachmhor agad, ’s gur maith leat bi beò air a shon, agus na ’m b’ e a thoile e, gu-m bu mhaith leat bàsachadh air a shon? Bha e mar sin leis an Innseanach dhiadhaidh, aideachail, ud; agus bithidh e mar sin acasan uile a ’s le Criosd ann am fìrinn. Is e an slainte agus am miann gu léir e. Cuimhnich briathran Chriosd, “An ti a ghràdhaicheas athair no màthair na ’s mò na mise, cha-n airidh orm e; agus an ti a ghràdhaicheas mac no nithean na ’s mò na mise, cha-n airidh orm e; agus an ti nach glac a chrann-ceusaidh, agus nach lean mise, cha-n airidh orm e.” (Mat. x. 37, 38.) A leughadair! Tha Criosd toileach a bhi dhuitse na bha, ’us na tha e do Ghopi Nath Nundi gu léir. “Nam b’ aithne dhuit tiodhlac Dhé, . . . dh’ iarradh tu air, agus bheireadh e dhuit uisge beò.” “An ti a dh’ òlas de ’n uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air; ach bithidh an t-uisge a bheir mise dha, mar thobair uisge ann a’ sruthadh suas chum na beatha maireannaich.” (Eoin iv. 10, l4.) Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. SCOTTISH “MONTHLY VISITOR” TRACT. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 217] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1880. “AN UINE GHOIRID.” SGEUL RO FHIOR. [Dealbh] “OH, c’ àite am bheil an t-àite? Feuchaibh dhomh an t-àite!” Is e labhair mar so, le dùrachd, seana bhean air a deagh eideadh. Bha gluasad-inntinn mòr oirre. Bha na deòir a’ ruithe sios air a gruaidhean, far an robh preasaidhean na h-aoise mar tha. Bha na h-uile gnuis eile air an t-suidheachadh ceudna. Thachair sgiorradh mòr air choireigin. Lean sinn an t-seana bhean, agus a fear-treòrachaidh a stigh do sheòmar mòr far am faca sinn sealladh ro uamhasach. Bha dà chorp marbh thar fhichead ’n an luidhe air bordaibh mu ’n cuairt. Bha an seann duine agus an naoidhean ann; mathraichean, nigheanan, mic, agus fir-posda; cuid diubh air am bruthath gus nach mòr gu-n robh coslas daoine orra. Ciod e o ’n d’ éirich sud uile? Cha do las muilionn phùdair, a ’cur a mach a lasraichean milteach. Cha robh armailt de naimhdean a’ creachadh na tìre ’s a September 1880. “By-and-By.” [TD 218] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1880. TD 2] sgaoileadh bàis ’us truaighe. Is e maidinn na Sàbaid a bh’ ann. Bu shoilleir, ciùin, sona, coslas na tìre. Bha na cluig a’ seirm o chlog-thighean nan eaglais, a ’cur fàilte air là na foise. Bha buidheann de luchd iarraidh toilinntinn an t-saoghail air an slighe gu Lununn. Bha gaireachdaich ’us fala-dha gu leòr ’n am measg, ’n uair ann am priobadh na sùla—leis a ghàire mhear fhathast a’ seinn ’s a’ chluais, agus am focal eutrom fhathast air na bilibh—chualas sgread an uamhais, agus an fhulangais. Choinnich dà sreath de charbadaibh a’ cheile, agus gun fhios, gun fhaireachadh, chaidh dà phearsa thar fhichead stigh air ball do ’n bhith-bhuantachd! Bha seòmar nam marbh làn de chairdibh tuirseach agus de chridheachaibh reubta. Bha na cuirp ’n an éideadh-caomhnaidh, ’us e dearg le ’m fuil féin. Chaidh an seana bhean air an robh sinn a’ bruidheann seachad o chorp gu corp, gus an do dhearc a suil air duine òg a bha air a reubadh gu h-eagallach. Le bròn mòr oirre rug i air an laimh fhuair ’n a laimh, agus a’ toirt an aire dhomhsa, a bha ’sealltuinn oirre le comhfhulangas, bhris i mach le cainnt gheir mar a leanas. “Oh, a dhuine-uasail,” ars’ ise, “Bu mhac dhomhsa an gille bochd so. Rachadh e leo an dé. Bha mise ’n a aghaidh. Agus a nis—faicibh! Bha e ’n a ghille maith.” “Saoil sibh,” arsa mise, “an d’thug e a chridhe do Dhia?” Bha amharus orm fhéin; oir bha mi a’ meas, duine a thug a chridhe do Dhia, gu-m bitheadh fhios aige air luach na Sàbaid mar mheadhon gràis, agus nach caitheadh e air a thoilinntinn fhéin e. Ach bha mi airson a thuigsinn an d’ thug e comharradh ’s am bith air aithreachas bhi air airson peacaidh. “Mata,” ars’ a’ bhean, “chaidh e air uairibh do ’n eaglais; agus cha robh mionnan no misge r’ a chur as a leth.” “An d’ rinn e ùrnuidh?” “Rinn, air uairibh.” Cha robh an so ach misneach bhochd. Ach bha mi toileach cluinntinn mu ’n ghille òg, agus air dhomh a’ bhean a chur an cuimhne airsan a ghuil aig uaigh Làsaruis, gheall mi gu-n rachainn ’g a coimhead. Air dhomh mo ghealladh a choimhlionadh an ceann là no dhà, chuala mi mu ’n ghille mar a leanas. Oh, gu-n tugadh an leughadair gun ghràs an aire do na tha e a’ teagasg! Bha Tomas W—— ’n a aon mhac a mhàthar. Rinn ise a mhilleadh le a caoimhneas. Cha-n fhaiceadh i coire ann, gus am b’ eigin dith a dheanamh; agus an sin bha a cronachadh gun bhuaidh ’s am bith. Chaochail ’athair ’n uair a bha e òg, agus dh’ fhàg e airgiod aig a’ bhantraich a thug a stigh suim bheag gach bliadhna. ’As an t-suim ud phaigh i na chuir a mac gu ceaird engineer ionnsachadh. Bha a mhaighistir ’n a dhuine diadhaidh, agus is minig a chathaich e air na daoinibh òg aige an cridhe a thoirt do ’n Tighearn. Thaisich W—— òg fo an earail, agus rùnaich e gu-n deanadh e mar sud. B ’e strìth an Spioraid Naoimh ris ’n a òige a bh’ ann, Car ùine fhritheil e gu riaghailteach air tigh an Tighearna, agus bha e mar gu-m bitheadh iarrtus aige airson maith ’anama. Ach ann an droch àm, chuir e eòlas air duine òg a thainig gu bhi ’n a “dhroch ceann-iuil” dha. Bha e cridheil, eutrom, agus mibheusach. Rinn e ’leithid a dh’ fhochaid air W—— ’us nach b’urrainn e bruidheann mu ’n diadhachd idir. Tha companaich ’n an luchd-cabhair aon chuid do ’n mhaith no do ’n olc, Mar cuidich iad a fhlaitheanas sinn, cuidichidh iad leis a pheacadh annainn. Cuireadh na h-uile fear aig am bheil companach no caraid a’ cheist ris fhéin,—Am bheil cùram air mo charaid m’ a anam? Am bi e ag ùrnuidh? Am bheil earbsa aige as an Tighearn Iosa Criosd, agus am bheil e ’strì ri bhi cosmhuil ris ’n a shlighe? Am bheil a chonaltradh, agus a chaithe-beatha a’ nochdadh gràdh a bhi aige do Dhia? Agus mur ’eil faodaidh tu bhi cinnteach,—ged a bhitheadh ise [TD 219] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1880. TD 3] no esa cho ionmhuinn agad ri laimh dheis no suil dheis—gur e do dhleasdanas an seachnadh, ma tha speis agad do d’ anam féin, oir mur dean iad na ’s fearr thu, ni iad thu na ’s miosa. Bha W—— òg air a lionadh le cuideachd a charaid, agus le cuid ’us cuid, gheill e dha gu h-iomlan. Bha guth a choguis air a mhùchadh. Bha feasgair na Sàbaid air a chaitheamh ann an spaidsearachd mu ’n cuairt le piob thombaca ’n am beul—agus air uairibh, mo chreach! a ’cluicheadh chairt. Bha e fhéin ’us cuid eile a mach là ’g am fairigeadh. Bu mhaith leis bhi ri ni sonraichte, agus dh’ iarr W—— an t-àite bu doimhne de ’n uisge. Shnàmh e car tamuill, agus an sin rinn crampa greim air, agus mus b’ urrainn e éigheachd, chaidh e fo. “C’ àite am bheil W——?” Ghabh iad lion do ’n uisge, agus fhuaireadh e. Car uine bha e eadar beatha ’us bàs. Mu dheireadh thainig e thuige, agus rùnaich e pilltinn ris an Tighearn. Le anam air a phianadh gu mòr dh’ iarr e maitheanas trid Chriosd. Chaidh seachduinean seachad. Shaoil le daoinibh m’ a thimchioll gu-m bu duine eile e. Thainig e mu dheireadh gu a làn neart a rìs. Ach là ’us e mach a’ gabhail cheum, thachair a sheann chompanach air. “Tha mi a’ cluinntinn gu bheil thusa air tionndadh chum na diadhachd a rìs, A Thomais!” ars’ esan. “Cha do chreid mi e oir bha mi a’ meas gu-n robh tuilleadh ceill agad na sin; ach chuala mi am ministear ag radh gu-n robh e cinnteach gu-n robh thu air d’ aithbhreith nis.” Agus bha sméideadh gàire air a ghnuis. Bha Tomas ’n a thosd. “Am bheil e fior, a charaid? Chi mi nach ’eil. Thig cuide riumsa, ’us bithidh deoch againn cuideachd—ni e feum dhuit.” Le coguis ’g a dhìteadh, ach gun chomas diùltadh dh’ aontaich W——. Dh’ éisd e ris an tàire ’rinneadh air an diadhachd, agus ri cainnt thoibheumaich anacreidimh a charaid, agus dh’ fhairich e gu-n robh e ’s an aon pheacadh. Ràinig eudòchas air ’anam. Thubhairt Satan ’n a chluais, “Cha-n ’eil feum ann an urnuigh tuilleadh. Is i so an dara uair a thuit thu. Cha-n ’eil dòchas ann duit na ’s mò.” Le cridhe goirt thill an t-òganach dhathigh, leis na focail eagallach ud a’ ’seirm ’n a chluasaibh, “Tha e do-dheanta iadsan bha aon uair air an soillseachadh . . . ma thuiteas iad air falbh, ath-nuadhachadh a rìs chum aithreachais, a chionn gu bheil iad a’ ceusadh Mac Dhé as ùr, agus ’g a chur gu nàire follaiseach.” (Eabh. vi, 4-6.) Bu diomhain do Thomas W—— bhi meas gu-m mùchadh e guth coguis leis a’ pheacadh—b’ éigin da a chluinntinn. An ceann uine chaidh Mrs. W—— a dh’ fhuireach gu Brighton. Ann an so bha Tomas, na bu mhiriaghailtiche na bha e roimhe. Bha a choguis ag iarraidh air pilltinn ri Dia. Ach bha am freagradh gnàthaichte aige, “Ni mi e an ùine ghoirid.” Cha-n ’eil iongantas na ’s mo ann na foighidin Dhé. Bithidh sinn a’ meas ma chuireas sinn dà dhearbhadh air duine, no tri gu h-àraidh, agus nach atharraich e, nach ’eil e iomchuidh tuilleadh gnothuich a ghabhail ris. Ach smuamichidh cia tric ’s a tha an Tighearn ’toirt cothrom pillidh dhuinne. Tha e ’bualadh aig an dorus ghlaiste. Mu ’n àm so bha stoirm mòr aig Brighton. Is ainmig bha stoirm bu mhò ann. Bha W—— òg agus a chompanaich eucorach a’ tilleadh dhathigh air an oidhche ghoirt ud. Cha robh iad a’ smuaineachadh air an stoirm. Ach dìreach mar a bha iad a tionndadh oisinn na sraide thuit mullach an t-siomalair o thigh àrd an sin, agus bhuail mìr dheth W—— truagh agus leag e sios air an talamh e, gun toirt. Thug iad dhathigh dh’ ionnsuidh a mhàthar thruaighe e, le beag dhòchas gu-n tigeadh e troimhe. Fo eagal mòr, dhuisg a choguis air ri aghaidh na bithbhuantachd. “O Dhia,” ars’ esan, “gabh truas rium! Ach, cha-n ’eil truas ann domh. Tha mo pheacadh ro mhòr. Cha-n ’eil ann domhsa ach ifrionn.” Bu diomhain [TD 220] [DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1880. TD 4] doibh reusonachadh ris mu ghràdh neo-chriochnach Chriosd, a tha toileach a ghnàth am peacach a thearnadh gu h-iomlan. Chuir Satan as a leth a chul-sleamhnachadh cho tric, agus lion eudòchas a chridhe. Thaisich e aon uair eile. Ach cha robh ’anam air athnuadhachadh. Cha do lean an ni ris. Thainig feabhas air Tomas W——. Cha robh buidheachas ’n a chridhe. Cha do smuainich e air an tròcair a chaomhainn e cho tric. Cha-n e mhàin gu-n do phill e dh’ ionnsuidh a chompanaich, ach chuir e eòlas air boirionnach òg, eutrom. Bha e a’ creachadh a mhàthar gu airgiod fhaighinn do ’n “charaid” ùr so, agus air do ’n bhean bhochd bhi an dòchas gu-m bitheadh cùisean ceart fhathast thug i dha na bh’ aice. Bha oidhche Dhe-sathuirn ann roimh ’n mhilleadh. Bha W—— agus a bhan-companach a’ caitheamh, mar a thubhairt iad, oidhche aoibhinn ann an tigh-osda. Gheall esan, ’us e fo bhuaidh na dh’ òl e, gu-n tugadh e leis i an ath là do Lununn. ’N uair a thanaig an là, dh’ éirich e agus chuir e fhéin ann a uidheam a b’ fhearr. “C’ àite am bheil thu ’dol?” ars’ a mhàthair ris. “Tha do Lununn,” ars’ esan. “Na teirig ann, a Thomais,” ars’ ise, “fuirich cuide riumsa ’us thoir do ’n eaglais mi. Cha-n ’eil thu a’ fuireach aig an tigh idir a nis.” “Cha-n urrainn mi, is éigin dhomh dol ann: agus ged dh’ fhuirichinn, cha rachainn do ’n eaglais.” “O, Thomais! cha robh thu ’s an eaglais o dh’ fhàs thu na ’s fhearr. Ciod e thig dhiot?” Bhean a’ cheist ris, ach rinn e gàire, ’us thubhairt e, “Tha an inntinn agaibh trom an diugh; ach coma leibh, chi sibh gu-n tig mise gu bhi diadhaidh fhathast.” Chunnaic i e a’ falbh, a dh’ aindheoin na thubhairt i: agus le cridhe duilich thill i stigh d’ a seòmar, far an do ghuil i gu goirt. Aig an station thachair e r’ a bhanchompanach aingidh. “Thig air aghart,” ars’ esan gu h-aoibhneach. “Bithidh là againn. Dh’ fheuch an t-seana bhean ri mise chumail, ’us mo thoirt do ’n eaglais; ach cha d’ fhuair i a dheanamh.” Thug e gàire as, ’us chaidh iad stigh do ’n charbad. Beagan uairean an deigh sud, bha na cuirp reubta aca air an toirt air ais, agus bha sgeul am millidh air iomradh ’s na dathighean aca. A leughadair, is e sgeul brònach ach sgeul fior tha so. Nach ’eil e mar le guth tairneanaich ag ràdh ri peacaich, “An diugh, ma dh’ éisdeas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ’ur cridhe.” Theagamh gu-n amhairc air so suil oganaich ghòraich, a tha ’toirt falt liatha athar le doilgheas sios do ’n uaigh, agus a chaidh troimh uile cheuman W——,—ach an aon mu dheireadh. Ach ma tha beatha ann, tha àite aithreachais ann. O, a dhuine òige, an lean thu ris a’ pheacadh gus am bi e ro anmoch? “Pillibh, pillibh; c’ uime bhàsaicheadh sibh?” Cuimhnich, le bhi ’leantuinn peacaidh gu bheil thu a’ roghnachadh sgrios dhuit fhéin. Nach abair thu a nis ann am aon-fhillteachd a’ chreidimh,— “Dìreach mar tha mi gun aon chòir, Ach doirteadh fola Righ na gloir, ’S gu-n d’ àithne thu dhomh o ’d chaithir mhoir; Thig mi, O Uain Dhé.” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. SCOTTISH “MONTHLY VISITOR” TRACT SOCIETY. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 221] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1880. “AR SLIGHE FEIN.” [Dealbh] THA an duine ’n a choisiche mhòir, eadhon ged nach gluaiseadh e o an àite ’s an d’ rugadh e. Tha e sior ’dol air aghaidh ’s an t-slighe a tha eadar breith ’us bàs. Deonach no aindeonach, cha-n urrainn e stad,—no eadhon anail a ghabhail. Ann a dhearbh chodal, ged nach gluais e ball, tha a chridhe a’ bualadh a mach fuil a bheatha. Tha tìm a ruithe—tha là beatha an duine a’ falbh—agus tha e na ’s fhaisge air a’ bhàs aig crioch a chodail no n’ uair a thoisich e. Tha na h-uile duine air an turus ud, Cha-n urrainn duine beò an rathad mòr fhàgail gus am fàg an anail a chorp. Ach cha-n ’eil dithis air a leanas an aon cheum. Tha ceum aig na h-uile fear dha fhéin. Dealbhaidh e e, no roghnachaidh e e: is e a “shlighe féin” a th’ ann. Ma tha an t-slighe taitneach agus tarbhach, tha cuideachd gu leòr aige. Ach an uair a threò- October 1880. “Our Own Way.” [TD 222] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1880. TD 2] raicheas a shlighe féin duine a dh’ ionnsuidh dorchadais agus truaighe, gheibh a chompanaich slighe eile dhoibh fhéin. Faodaidh bhi gu-m feuch e an sin ri pilltinn. Ach ma ’s ann ’n a neart fhéin a ni e e, cha teid e fada. Ma tha sinne, mata, am measg an luchd-turuis, buinidh dhuinn a’ cheist a bhi oirrne, cò an t-slighe air am bheil sinn? Agus ciod a ’s crioch dhi? “Ciod an gné cheist tha sin!” is e their thu, “’n uair a tha thu ag ràdh gu bheil na ceuman air am bheil daoine a’ coiseachd cho lionmhor riu fhéin.” Tha sin fior, ach faodaidh na h-uile h-aon dhiubh thighinn a stigh mar aon de dhithis,—Slighe Dhé no Ar slighe féin. Tha na miltean de shlighean dhaoine uile a’ ruitheadh air an t-slighe leathainn a tha ’treorachadh chum sgrios. Cha-n ’eil ann ach aon slighe Dhé a threòraicheas chum beatha. Is gnothuch beatha no bàis mata fhaicinn gu bheil sinn air an t-slighe cheirt. “Ar slighe féin!” Is e sin a ’s maith le daoinibh,—an ni a tha a chuid mhòr de dhaoinibh ’cur romha bhi aca. An duine aig am bi toil dha fhéin, bithidh slighe aige dha fhéin. Tha an leanabh air glùn a mhàthar a’ strì ’us a breabadh chum a shlighe fhéin a bhi aige. Beagan an déigh sud ’us e na ’s sine tha an leanabh féineal ud a’ diultadh umhlachd, agus cha gheill e do neach eile. Carson? a chionn gu-n d’ ionnsuich e a thoil fhéin a bhi aige. Fo an teagasg ud tha an gille ’s an nighean òg a’ glaodhaich airson “saorsainn.” Is e saorsainn acasan a bhi gun lagh os an cionn, no bhi saor o ùachdranachd, agus cead a bhi aca deanamh mar is aill leo. Tha athraichean ’us mathraichean a’ faotainn a nis nach toir an clann ùmhlachd dhoibh, agus is searbh dhoibh e. Cia liutha deur a chaidh a shileadh, cridhe a chaidh a chràdhadh, eadhon gu briseadh, le mac easumhal, no nighean nach gabhadh ceannsachadh! Ach cia tearc àireamh nam pàrantan a chuimhnicheas gur e iad fhéin a rinn e, oir dh’ ionnsnich iad dhoibh an slighe a ghabhail. “Ach O, cha robh an t-slighe againn riamh mar an t-slighe acasan!” ars’ cuid. “Agus cha robh mòran de ’m shlighe féin riamh agamsa,” ars’ neach eile. Gidheadh, tha Dia ag ràdh “gu-n deachaidh na h-uile air seacharan,” agus “gu-n do phill na h-uile neach d’ a shlighe féin.” Agus a thaobh gu bheil slighe duine ceart ’n a shùilibh féin, no maith no dona ann an suilibh chàich, cuimhnich gu-n d’ thubhairt Dia, “Cha-n ’eil eadar-dhealachadh ann: oir pheacaich na h-uile, agus thainig iad goirid air gloir Dhé.” (Rom. iii. 22, 23.) Faodaidh do shlighe bhi eireachdail, no eadhon fìreanta am fianuis dhaoine, agus faodaidh iad do mholadh; no faodaidh i bhi salach, mibheusach, agus làn peacaidh fhollaisich, air achd agus gu-n seachainn càch thu. Faodaidh tu fhéin meas gu bheil i ’n a slighe ghlic agus mhaith; agus faodaidh “tighinn agus dol gu àite nan naomh;” faodaidh taitneas agus buannachd bhi agad dhi car ùine. No faodaidh nach ’eil smuain agad air gliocas agus maitheas anns a’ chùis: their thu gu dàna gur i an t-slighe a ’s taitniche agus is tarbhaiche—an t-slighe a lean thu fad, agus air an e do rùn gluasad. Cha-n ’eil ni ann mu ’m bheil e.na ’s duiliche an fhìrinn a thuigsinn na ar slighe féin. Tha gràdh aig ar cridhe dhi, tha ar cleachdadh ’g ar ceangal rithe, tha toil aig an diabhul ar coimhead oirre. Agus leanaidh sinn air aghart, an dòchas gu-m bi a’ chrioch gu maith, agus a’ cur romhainn a bhi ceart mus tig am bàs. Theagamh gu bheil a’ choguis ’toirt rabhadh dhuinn, ag ràdh, “Tha thu beò air do shon féin—tha thu beò anns a pheacadh—tha thu ’dol sios do ’n bhàs!” Am bheil i ag innseadh mu dhroch caithebeatha, no mu thoilinntinn fheòlmhoir, no mu nithean dubha eile? Am bheil i ’toirt gu solus aingidheachd na slighe—ann an smuain, briathar, agus gniomh? Mo chreach! is ann a tha a’ choguis ro thric air a losgadh le iaruinn teth, gus nach ’eil bruidheann aice. Tha an diabhul a ’tairgseadh leithsgeulan, no [TD 223] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1880. TD 3] a’ labhairt bhreugan ’n ad chluais gu dana: agus leanaidh tusa fhathast, a’ mùchadh na fianuis a th’ agad, agus a’ cur fodha d’ eagal agus do dheagh rùn. Is e an aon ni nach fuiling an t-aingidh—a bhi truagh; agus a bhi ag amharc ris an fhìrinn m’ a shlighe féin, is e sin bhi truagh da rìreadh. Agus mar sin tha ar là a’ dol seachad: cuid gun mhòr fheart, cuid gun fheart idir; cuid ag ràdh gu bheil na h-uile cuis ceart; ’us cuid le làn fhios gur ann a tha iad gu h-iomlan clì. Ach cia b’ e mar a dh’ fhaodas eadar-dhealachadh a bhi ann a thaobh nithean eile, is i an cainnt gu léir,—“Is leinn féin ar beatha; cò a tha ’n a thighearn oirnne?” Is eadh, mo thruaighe dhuibhse gu bheil e fior! Cha-n ’eil neach ann do ’n fhearr is aithne sin na an neach do ’m buin sinn. Tha an Tighearn ag amharc nuas o na neamhan: chi e clann nan daoine uile. Oir tha slighean dhaoine fa chomhair sùilean an Tighearna, agus tha e’ cothromachadh a cheuman uile. Agus cha-n e mhàin gu-m faca Dia, ach labhair e mar an ceudna. Agus is e so cuid de na nithean a thubhairt e:— M’ “a shlighe féin” aig an duine shaoibhir, thubhairt Dia,— Gu deimhin tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh diomhain: gu deimhin cuirear mi-shuaimhneas orra gu faoin: carnaidh neach suas beartas, gun fhios aige co ’mhealas e. (Salm xxxix. 6.) Thug fearann duine shaoibhir àraidh barr pailt uaithe: agus smuainich e ann féin . . . agus their mi ri m’ anam, Anam, tha agad mòran de nithibh maithe air an tasgadh fa chomhair mòrain bhliadhnachan, ith, òl, agus bi subhach. Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche so féin iarrar d’ anam uait: an sin cò dha a bhuineas na nithean sin a dh’ ullaich thu? (Luc. xii. 16-21.) M’ “a shlighe féin” aig an duine chinneachdail, thubhairt Dia,— Ach ged robh an duine ann an urram, cha mhair e: is cosmhuil e ris na h-ainmhidhean a ghearrar as. (Salm xlix. 12.) Oir sgriosaidh soirbheachadh nan amadan iad féin. (Gnath. i. 32.) M’ “a shlighe féin” aig duine a’ ghliocais-shaoghalta, thubhairt Dia,— Chum gu-m bitheadh iad gun leithsgeul aca: do bhrigh an uair nach b’ aithne dhoibh Dia, nach d’ thug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil; ach gu-n d’ fhàs iad diomhain ’n an reusonachadh féin, agus gu-n do dhorchaicheadh an cridhe amaideach. Ag ràdh gur daoine glice iad féin, rinneadh amadain dhiubh. (Rom. i. 20-22.) M’ “a shlighe féin” aig a’ pheacach fhollaiseach, thubhairt Dia,— Ged dh’ iadhadh làmh mu laimh, cha bhi an droch dhuine gun pheanas. (Gnath. xi. 21.) Cuirear na h-aingidh gu h-ifrinn. (Salm ix. 17.) M’ “a shlighe féin aig an duine mhodhail a mhàin, thubhairt Dia,— Oir cia b’ e neach a choimhideas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon àithne, tha e ciontach de ’n iomlan. (Seum. ii. 10.) Uime sia cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh . . . troimh oibribh an lagha. (Rom. iii. 20.) Cha-n ’eil fìrean ann, cha-n ’eil fiù a h-aoin. (Rom. iii. 10.) M’ “a shlighe féin” aig an duine féin-fhìreanta, thubhairt Dia,— Is iomadh iad a their riumsa ’s an là ud, a Thighearn’, a Thighearn’, nach d’ rinn sinn faidheadaireachd a’ d ainm-sa? . . . agus a ’d ainm-sa nach d’ rinn sinn iomadh miorbhuil? Agus an sin aidichidh mise gu follaiseach dhoibh, cha b’ aithne dhomh riamh sibh: imichibh uam, a luchd-deanamh na h-eucorach. (Math. vii. 22.) M’ “a shlighe féin” aig na h-uile fear, thubhairt Dia,— Tha slighe ann a tha ceart ann an sealladh duine; ach is iad slighean a’ bhàis a crioch. (Gnath. xvi. 25.) Tréigeadh an t-aingidh a shlighe, agus an duine eucorach a smuaintean: agus pilleadh e ris an Tighearn, agus nochdaidh e tròcair dha agus ri ar Dia-ne, oir bheir e maitheanas gu pailt. (Is. lv. 7.) —Oir cha-n iad mo smuaintean-sa bhur smuaintean-sa, deir an Tighearna. Oir mar a tha na neamhan ard seachd an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa seach bhur slighean-sa, agus mo smuaintean-sa seach ’ur smuaintean-sa. (Is. lv. 8, 9.) Seadh, oir ’n uair a chaidh iad uile [TD 224] [MIOS DEIREANNACH AN FHOGHAIR, 1880. TD 4] air seacharan, ’n uair a phill na h-uile duine g’ a shlighe féin, leig an Tighearn air AON neach ar n-aingidheachd gu léir. (Is. liii. 6.) An uair a bha an duine troimh a shlighe féin caillte, millte, air a sgriosadh gu siorruidh; an uair nach robh cabhar ann da, thug gairdean Dhé slainte leis. (Is. lxiii. 5.) Cha d’ fhuair eadhon esan slighe ullamh, mar is minig a shaoil le daoinibh a gheibheadh iadsan. Cha b’urrainn da slighe ’s am bith a ghabhail. B’ eigin da an t-slighe ullachadh. Agus cia co iongantach ’s a bha an t-slighe! “IS ANN MAR SIN A GHRADHAICH DIA AN SAOGHAL, GUN D’ THUG E ’AON-GHIN MHIC, CHUM AGUS CIA AIR BITH A CHREIDEAS ANN NACH BASAICH E, ACH GUM BI A’ BHEATHA MHAIREANNACH AIGE.” (Eoin iii. 16.) Agus cia dh’ ionnsuidh am bheil CRIOSD ’n a shlighe? Do neamh? Is ann, is e sin a’ chrioch mu dheireadh. Ach roimh sin, is e an t-slighe air ais gu Dia. “Cha tig aon neach chum an athar ach tromham-sa. Is mise an t-Slighe.” Rinn am peacadh an duine a dhealachadh o Dhia. Dh’ fhàg “a shlighe” pheacach féin e ann an suidheachadh nach urrainn e dol suas air dhoigh ’s am bith do Dhia a rìs,—far nach fhaigh e e ach ’n a “theine milteach.” Ach dh’ fhosgail AN FHUIL slighe nuadh agus bheò; slighe a’ mhaitheanais agus na sìthe; slighe dol a steach, air am faod AN NEACH LEIS AN AILL tarruing dlù gun airgiod agus luach. Ach dh’ fhaodadh Dia an t-slighe a dhealbhadh, agus dh’ fhaodadh Iosa bàsachadh chum bhi ’n a shlighe, agus gidheadh dh’ fhaodadh daoine, a bha fad air seacharain, bhi gun amais air an t-slighe, no gun chluinntinn gu-n robh a leithid ann. Uime sin cha-n e mhàin gu-n d’ thug Iosa, am Buachaill maith, a bheatha seachad air son nan caorach, agus tha e ’tighinn ’g an iarraidh cho maith ri ’g an tearnadh. Ciod e an t-eabar, agus an dorchadas peacaidh agus féin-fhìreantachd troimh am bheil e ’dol an deigh nan caorach, gus am faigh e iad. (Luc. xv. 4.) Tha sinn a’ leughadh cuide dh’ uairean mu dhaoinibh maithe, ann an Lunnun ’us eile, a tha ’dol a mach, oidhche an deigh oidhche, gus na sraidibh agus na cùlsraidibh chum an fheadhain a tha ’dol a dhìth a shaoradh. Is iongantach na nithean a tha aca ri innseadh mu na cuil agus na, tuill dhubha air am bheil iad a’ ruighinn. Is eagallach na chi iad de thoradh peacaidh, de fhulangas, mibheus, agus truaighe. Ach ciod e a chi iad làthair ris na th’ aig a’ Bhuachaill sgriobhta air aon duilleig d’ a leabhair cuimhne mu na caoraich! Tha an fheadhain thoisich cho maith ris an fheadhain mu dheireadh, air am faighinn air an ribeadh, air an truailleadh, caillte gu siorruidh, mur tearuinn Esan iad. Tha Iosa ag ràdh ris na h-uile neach a leughas an teachdaireachd so, “Is mise an t-Slighe, agus an Fhìrinn, agus a’ Bheatha!” (Eoin xiv. 6.) “Is mise an t-Slighe.” “Thigibh do ’m iounsuidhse.” “Leanaibh mise.” “Mar so deir an Tighearn, Feuch tha mise ’cur roimhibh slighe na beatha agus slighe a’ bhàis.” Cò dhiubh a roghnaicheas sibh? Ciod a fheagras tu r’ a ghlaodh? Cò dhiubh ris an gabh thu—beatha, no bàs? Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. SCOTTISH “MONTHLY VISITOR” TRACT SOCIETY. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 225] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. CEUD MHIOS A GHEAMHRAIDH, 1880. AN SEANA CHEANNAICHE SUISEACH. [Dealbh] ANN am baile beag ann an Suiserland, faisg air cladh, bha ceannaiche siubhlach, gu maith aosda, ’n a shuidhe air cloich a’ gabhail anail. Is e an duine ainmeil sin Dr. Malan a tha ag innseadh mar a leanas. Bha a phaca ri taobh a’ cheannaiche, agus bha e a’ cunntadh a chuid airgid ’n uair a’ bhruidhinn caraid air an robh Philip ris. “An d’ rinn thu gu maith an diugh, a charaid?”—“Cha d’ rinn; rinn mi direach mar a tha dualach do dhuine aig nach ’eil comas no creideas.” Philip—Cò dhiubh b’ fhearr leat saoibhreas a thaobh d’ anama, no a thaobh do chuirp? An ceannaiche (Gu solamach ach le h-iongantas)—Is fearr leam slàinte m’ anama na buannachd aimsireil air bith, oir bàsaichidh mo chorp, ach mairidh an t-anam gu bràth. Philip—Bhitheadh tu toilichte mata, ’n am b’ urrainn mise innseadh dhuit November 1880. “The Old Swiss Pedlar.” [TD 226] [CEUD MHIOS A GHEAMHRAIDH, 1880. TD 2] ciamar a dh’ fhaodadh tu saoibhreas siorruidh fhaighinn do d’ anam, gun ùine a chall? An ceannaiche—Ciamar a ’s urrainn thu? Philip—Tha mi a’ meas gur urrainn. Mu chuireas mise ann ad laimh ionmhas na slàinte, their thu fhéin gu-n d’ fhuair mi dhuit saoibhreas mòr? An ceannaiche—Their. Ach cha-n e ni beag mo shlàinte. Iarraidh i saothair mo bheatha uile chum a cosnadh: agus is e Dia ’us cha-n e duine a bheir seachad i. Ar do Philip an seann duine fhaotainn cho ciallach, thubhairt e gu-n d’ thug Dia an tiodhlac ud do ’n t-saoghal o chionn fada, agus gu-n robh e ag iarraidh dhaoine a thighinn g’ a ghabhail. Thubhairt an ceannaiche nach buineadh esan do ’n bhaile bheag ud, ach gu-n robh e a’ siubhal na tìre a reiceadh a chuid bathair. Thubhairt e an sin, “Is ann a dh’ Eaglais na Roimhe mise.” An uair a fhreagair Philip cia b’ e mar a bha sin “gu-n robh anam aige co dhiubh” sheall an seann duine ris ’us thubhairt e, “Tha sin agam, agus tha mi ri tuilleadh saothar m’ a dhéighinn na tha thusa a’ meas.” Philip—Ciod e tha thu ’deanamh chum a chosnadh? Am bi do shaothair thairis a dh’ aithghearr? An ceannaiche—Cò a ’s urrainn a ràdh fhad ’s is beò e gu-m bheil a shaothair thairis? Cha-n fhiosrach mise, agus cha-n fhearr mi na càch. Bha an seana cheannaiche fad a latha gus a nis a strì ri maitheanas agus slàinte shiorruidh a chosnadh le urnuidhean bidheanta, agus caitheamh-beatha modhail, an dòchas, ’s a cheann mu dheireadh, gu-n gabhadh an Tighearn Iosa ris air sgàth a ghniomharan, mar pheacach a rinn a dhichioll. Chunnaic Philip gu-m b ’e so bunait dòchais an t-seann duine; agus dh’ fheòraich e dheth, “Nach ’eil fhios agad gu-n do bhàsaich an Tighearn Iosa Criosd ann an àite a phobuill, agus mar sin gu-n d’ fhuair e slàinte dhuinn? Cha-n urrainn do dheanadais, d’ urnuidhean, d’ ùmhlachd, d’ fhéin-àicheamh uile maitheanas agus sìth a chosnadh dhuit. Buinidh e dhuinne aoibhneas a dheanamh anns gu-n do ghràdhaich Dia an saoghal air chor ’us gu-n d’ thug e ’Aon-ghin Mhic chum ’us cia b’ e a chreideas ann, nach bàsaich e, ach gu-m bi a’ bheatha mhaireannach aige.” Fhreagair an seann duine gu stolda, “Bu ghràdh iongantach e. Ach feumaidh sinne mòran a dheanamh mus ruig sinn air, agus mus fhaigh sinn na choisinn e air ’leithid a phrìs.” Philip—Cha-n fhaod a bhi gu-m bheil thu a’ saoilsinn gu-m feum sinne na h-uile ni a dheanamh a rinn Criosd? Cha-n ’eil thu a’ meas gu-m feum sinn fulang mar a rinn esan, a bhi air ar diteadh agus air ar ceusadh mar a bha e? An ceannaiche—Oh, cha-n ’eil! Cha b’ urrainn aon neach ach Mac Dhé ann ar nàduir fulang mar a rinn esan. Philip—Ach carson an d’ thug esan e fhéin seachad mar iobairt air a’ chrann-ceusaidh? An ceannaiche—Tha fhios agam gur ann chum sinne a thearnadh o ’r peacaidhean. Philip—Mata cha-n urrainn e bhi air agradh dhinne a bhi ’deanamh ’s a bhi ’fulang a rìs airson an aobhair cheudna. Is ann bhitbeadh sin ag radh nach robh Mac Dhé comasach air an obair uile a dheanamh a ghabh e air. Tha thusa ’n ad sheann duine, agus tha e an dàmhair dhuit an ni a tha an so a thuigsinn. Smuainich agus tuig, oir tha do shonas siorruidh an ceangal ris. Feumaidh tu bhi air do thearnadh ann an rathad Dhé. An ceannaiche—Ach ged a thug Criosd seachad an iobairt mhòr sin airson peacaidh, tha fhios agad gu-m bheil e air earbsadh uainn gu-m fuiling sinn peanas fad ar beatha airson ar peacaidhean, agus gu-n dean sinn maitheanas ar peacaidh cinnteach le ’r deagh ghniomharan. Dh’ innis Philip dha gur e tha o pheacach thighinn gu Criosd air ball, agus a pheacadh a leigeadh airsan; [TD 227] [CEUD MHIOS A GHEAMHRAIDH, 1880. TD 3] agus gu bheil sinn a’ deanamh so le làn aithreachas airson ar peacaidhean uile. Tha sinn mar an ceudna ’n ar luchd-caithris an aghaidh peacaidh o sin a mach. Fhreagair an seann duine “gu-n robh sin gu maith coslach ri a bheachd;” agus mhìnich Philip an fhìrinn na ’s fhaide. Philip—Tha thu ceart ma ’s e do bheachd gu-m buineadh dhuinn bhi làn broin airson oilbheum a thoirt do charaid cho mòr, agus gur e ar dleasdanas a thoileachadh a ghnàth. Ach cha-n fhaod thu smuaineachadh gu bheil toillteanas anns an iarrtus so air bhi umhal, agus gur e sin an t-aobhar airson am faigh iad o Chriosd toradh a bhàis. An ceannaiche—Tha thu ag ràdh mar sin, gu-m bu chòir oibre maith a dheanamh, cha-n ann chum maitheanas peacaidh a chosnadh, ach mar chomharradh air ar buidheachas airson a’ mhaith a fhuair sinn troimhe? Philip—Tha; agus cuiream a ’cheist ortsa, An i do bharail fhéin gu bheil mi ceart? Am bheil do chridhe ’dol leis a’ bheachd? An ceannaiche—Cha-n fhaca mise na nithean ud mar sin riamh roimhe. Tha mi a’ tuigsinn ann an ceum aoibhneas na Deagh Naigheachd. Tha i ’sasuchadh mo chridhe agus ’toirt saorsa do ’m choguis. Thubhairt Philip beagan fhocal mus d’ fhàg e e chum an dearbhachd a leasachadh, agus an solus a mheudachadh, a thòisich air aite fhaighinn ann an anam an t-seann duine chairdich, thuigsich ud:—“Cuimhnich a ghnàth gu-n gabhar ri peacach air sgàth na rinn Criosd; is e so bonn tagraidh a’ pheacaich an uair a theid e gu Dia—Na rinn Criosd! Agus cia beannaichte an toradh; oir tha e sgriobhta ann an Eoin i. 12: ‘A mheud ’s a ghabh ris, thug e dhoibh cumhachd a bhi ’n an cloinn do Dhia.’ Tha iad air ball dol stigh do theaghlach Dhé, agus tha iad air am meas ’n am mic ’us ’n an nigheanaibh do ’n Tighearn. (2 Cor. vi. 18.) An uair a ghabhas sinne ri Criosd gabhaidh Dia ruinne.” Cha-n ’eil sinn a’ gabhail mòran iongantais ri mearachdaibh an duine neo-ionnsaichte ud. Ach iongantach ’us mar a tha e, tha e fior, gu bheil iad lionmhor anns an tìr so a tha fo theagasg an t-soisgeil agus a tha aineolach air an fhior shoisgeul. Gus am fosgail an Spiorad Naomh an cridhe, cha toir eòlas-cinn gu fìor aithne air an t-soisgeul. Tha an cridhe nàdurrach a’ sior ’tuisleadh air starsnaich na h-Airce, agus tha e ag iarraidh ni nach ’eil cho simplidh ri soisgeul Dhé. Ach ann am Mata xi. 25, tha Criosd ag innseadh gu bheil rathad na saorsainn o gach trom uallach, rathad na réite ri Dia, cho simplidh ’us gu ’m faod “na naoidheana” a thuigsinn agus a leantuinn. Chuala sibh mu Cholumbus a fhuair a mach America. Aon uair dh’ iarr e air cuid, a bha ’n an suilibh féin ro eòlach, ubh a chuir air a cheann ’us toirt air seasamh. Cha b’ urrainn iad. An sin ghabh e an t-ubh, ’us bhris e an t-slige agus sheas e air ball. “Dheanadh neach air bith sin!” ars’ iadsan. “Seadh,” ars’ esa, “tha e simplidh gu leor aon uair ’s gu bheil e deas; ach carson nach d’ fhuair sibhse mach e?” Is ann mar sin a tha le foiseachadh ann an Criosd. Faic, mata,— I. Tha mòran ’n ar measg ann an tìr a’ Bhiobuill, agus na Sàbaid ’s am bheil sinn, a tha gu h-uaigneach a’ meas ged is e Criosd a mhàin a theàrnas gu-m feum ni éigin a bhi ann a tharruingeas e gu sin a dheanamh: feumaidh sinn tiodhlac a thoirt leinn! Dìreach mar a rinn Naaman, ’n uair a thug e leis deich talanna airgid, agus sé mile bonn òir gu pàigheadh air a leigheas. (2 Righ v. 5.) Tha so ’n a mhearachd a tha mòr ’us coitchionn. Agus gidheadh tha e air a ràdh gu-n toir Dia slàinte “gun airgiod ’us gun luach.” (Is. lv. 1, 2.) Tha Fìreantachd air a bhuileachadh air a’ pheacach “nach dean obair,” ach a tha toileach air earbsadh as an neach a rinn obair iomchuidh ann an àite pheacach. [TD 228] [CEUD MHIOS A GHEAMHRAIDH, 1880. TD 4] (Rom. iv. 5.) Tha am peacach bhi ’socrachadh airsan air a mheas chum e bhi air a dheanamh fìreanta. Tha na dearbh fhocail “gu saor” agus “gràs,” (“air ar fìreanachadh gu saor,” Rom. iii. 24,)—“an gràs slàinteil,” (Titus ii. 11,)—’n am focail a dh’ fhaodadh na h-uile smuain mu phàigheadh, roimhe no as a dhéigh, fhogradh air falbh. An d’ fhuair no an d’ iarr Criosd ni riamh airson a bhi ’leigheas nan euslan? Nach d’ rinn e uile “gu saor e le a ghràs?” Am bheil e mi-chaoimhneil no micheart a ràdh gur e an t-aobhar sònraichte airson a’ pheacaich bhi ag altrum a’ bheachd so ’n a chridhe, gur leithsgeul dha e airson a bhi ’dearmad pilltinn ri Dia air ball? Tha e ag ràdh ’n a chridhe, “Is e mo rùn tighinn gu Criosd, ach cha tig dìreach fhathast.” II. Agus tha cuid againn air am bheil iongantas ris nach ’eil ’ur rùintean, agus ’ur boidean comasach air a’ bhuaidh thoirt duinn os cionn ’ur truaillidheachd. Is ann a chionn ’us gu bheil sinn a’ cur ’ur rùintean, ’ur geallaidhean, ’ur bòidean, agus ’ur n-ùrnuidhean ann an àite Chriosd. Tha am misgear a’ faighinn buaidh troimh Chriosd a bhi cogadh air a shon; agus mar sin is éigin da a thaic a leigeadh air Criosd chum buaidh fhaighinn. Leugh 1 Eoin v. 4: “Is i so a’ bhuaidh, (sin ri radh an t-slighe chum buaidh,) a tha ’toirt buaidh air an t-saoghal, eadhon ar creidimhne.” Oh, cia mòr an t-eadar-dhealachadh eadar a bhi ’rùnachadh a rìs agus a rìs, agus a bhi air an laimh eile, ’g ad thilgeadh féin air ball ann an gairdeanaibh a’ ghràidh shiorruidh! Oh, a bhrathar, tha cumhachd iongantach ann am fuil Chriosd, air a càramh ris an anam leis an Spiorad Naomh, cha-n ann a mhàin chum saoradh o chionta ach chum cridhe an neach a fhuair maitheanas a leaghadh gu gràdh blàth a bhi aige. Feuch ris air ball. “Tha gràs slainteil Dhé a’ teagasg dhuinn gach midhiadhachd agus anamianna saoghalta àicheamh, agus ar beatha a chaitheadh gu stuama, gu cothromach, agus gu diadhaidh anns an t-saoghal so làthair, air dhuinn suil a bhi againn ris an dòchas bheannaichte sin, eadhon foillseachadh glòire an Dé mhòir, agus ar Slanuidhir Iosa Criosd.” (Titas ii. 11-13.) Tha an Spiorad Naomh aig dearbh uair a mhaitheanais a’ seuladh a’ mhaitheanais anns a’ chridhe, ach aig an àm cheudna a’ suidheachadh naomhachd anns a’ chridhe ud a fhuair saorsa. Sheinn Cennic, caraid Whitefìeld, a dh’fheuch ris an dà rathad, agus a fhuair gur i so bha ceart, mar a leanas:— “’S i so an t-slighe a dh.’ iarr mi fad, ’S mi ’caoidh nach robh mi ruighinn oirre: Mo bhròn, ’us m’ uallach iomadh là, De ’n pheacadh nach robh mi an comas sgur. “Mar ’s dian ’n a aghaidh rinn mi strì, Pheacaich ’us thuisil mi na ’s mò; Gus an cuala mi mo Shlànuidhear ’g ràdh, Is mise an t-slighe, thig thus’ an so! “Aoibhneach a thig mi; ’Uain na gloire, Mar tha mi ruigidh orm do ghràs; Uamsa ach peacadh cha-n fhaigh thusa, Uaitse cha-n fhaighear leamsa ach gràdh. “Innseam an sin do pheacaich mhòr’, Mu ’n t-Slànuidhear ’s glòrmhor fhuaireadh riamh, Nochdam an fhuil o ’m faighear saors’, ’G ràdh, Feuch an so an t-slighe gu Dia!” Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. SCOTTISH “MONTHLY VISITOR” TRACT SOCIETY. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH. [TD 229] FEAR-TATHAICH MIOSAIL. DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1880. NA NITHEAN DEIREANNACH. “Mu dheireadh.”—GNÀTH. v. 11. LEIS AN URR. C. H. SPURGEON. [Dealbh] THEARUINN an lòchran so “MU DHEIREADH” o chunnart anns a’ chùis ris am bheil briathran leabhar nan Gnàth-fhocal an so ag amharc. Shaoilinn gu ’m faodadh e bhi ceart cho feumail an àitibh eile, agus faodaidh sinn an fhìrinn a thuigsinn ann an iomadh suidheachadh, ma sheallas sinn riu anns an t-solus a bheir an lòchran iongantach so. Ma ’s urrainn mise a chàramh ri cuide nithean an diugh, chithear iad ’s an t-solus cheart. Bithidh “Mu dheireadh” ’n a shlait ’n am làimh leis am bean mi ri miotal feallsa, agus teichidh e, ’us chi thu nach e an t-òr a th’ ann, agus beanaidh mi ri dath agus dreach o ’n taobh a muigh, agus tuigidh sibh ciod e a th’ann, seachad air na tha e ’gabhail air a bhi. Tha mise ’g a mheas ’n a uair fhreagarraich airson an t-soluis so bhi air fhoillseachadh, ’n uair a thainig sinn gu deireadh na bliadhna, agus faisg air toiseach bliadhna eile. Seall- December 1880. “Last Things.” [TD 230] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1880. TD 2] aidh sinn ris an aimsir ’chaidh seachad, agus an aimsir ’tha gu tighinn ann an solus an fhocail “Mu dheireadh.” Gu-m b’ ann a theagaisgeadh e dhuinn gliocas, agus coiseachd ann an eagal Dhé. I. Tha am bàs ann “mu dheireadh.” Ann an seadh is e a’ chuid mu dheireadh de ’n bheatha so. Is e crioch gach trioblaid a bhos, agus crioch latha nan gràs. Is e crioch latha a’ pheacaidh mharbhtaich. Tha a’ chraobh a’ tuiteam aig àm ar bàis, agus cha tig duilleach tuilleadh oirre; tha an tigh air a ghlanadh as o ’n bhunait, agus cha togar rìs e, ma ’s e bunait peacaidh a bh’ aige. Is e am bàs crioch na beatha so. Agus is cinnteach dhuinn uile e! Bha iomadh comharradh againn air a chinnteas air a’ bhliadhna so. Is e bliadhna a bhàsachaidh, ’us cha-n e bliadhna bhi beò a bh’ ann, agus faodaidh iongantas bhi oirbh gu bheil sibh beò. Ghearradh sios cuid bu ghuirme na sinne. Sibhse ’tha abuich, am bheil sibh ullamh? Nis ann an solus so uile, tha mi airson gu-n sealladh sibh ri peacaidhean marbhtach. Thig leam suas an staidhir gu do leabaidh-bàis féin, oir is ann an sin theagamh is fearr a lasas an lòchran dhuit. Seall ri gniomharan a mheas thu mòra, agus as an d’ rinn thu uaill,—ciamar a sheallas iad mu dheireadh? Choisinn thu airgiod; rinn thu gu luath e; rinn thu gu h-ealanta e. Nis tha thu a’ bàsachadh, agus ciod e do bharail dhe sin uile? Am bheil e cho mòr ’s a shaoil leat? Oh, mar a chathaich thu chum a ruighinn, agus fhuair thu e, ’us tha thu a’ bùsachadh. Ciod e do bharail dheth a nis? Seallamaid ri ’r gniomharaibh féineal ’s an t-solus ud. Their duine, “Is aithne dhomhsa airgiod a thional,” agus “is aithne dhomh a chumail cuideachd,” ars’ esa; agus their e le h-uaill nach ’eil e cho gòrach ’us gu-n toir e seachad e aon chuid do Dhia no do ’n bhochd. Nis, tha e an sin ’n a luidhe. An aithne dhuit a chumail nis? An toir thu leat e? Tha thu air bruaich na h-aimhne; ciod e na bheir thu null dheth? ’Amadain! nach bu ghlice dhuit d’ ionmhas a thasgadh air neamh far nach truaill leomann no meirge! Thubhairt thu amadanan ris na daoinibh ud fhad ’s a bha thu beò. Ciod e do bharail dhiubh nis gu bheil thu a’ bàsachadh? Cò e an t-amadan,—an neach a chuir a chuid roimhe, no esan a thaisg an so i gu dealachadh rithe gu bràth? Bu mhaith leam, mar an ceudna, a chairde ionmhuinn, gu-n sealladh sibh ri ’r féin-fhìreantachd ann an solus a’ bhàis. Bha sibh, ma ’s a fior, ’n ’ur sluagh maith, treibhdhireach, onorach, modhail, caomh, fialaidh, ’us eile, agus tha ’ur dòchas uile á sin. Saoil sibh an giùlain e ’ur cudthrom aig àm a’ bhàis? An uair a tha sibh slàn, faodaidh creidimh ’s am bith ’ur gnothuch a dheanamh, ach iarraidh neach aig a’ bhàs bunait na ’s fearr na a’ ghaineamh. Iarraidh sibh Carraig nan àl. Leigibh dhomhsa a ràdh mata, ann an solus là ’ur bàis, gu bheil na h-uile dòchas á ni eile ach fuil ’us fìreantachd Chriosd ’n a mhealladh mòr. Agus, a chairde ionmhuinn, mar a nochdas mi an solus, leigibh dhomh fhoighneachd ciamar a sheallas am peacadh aig a bhàs? Tha e milis a nis, agus is eutrom leinn e, ag radh gur e ni beag a th’ ann, mearachd na h-oige, ni mighlic a mhàin, agus mar sin sios; ach oh! ciamar a sheallas am peacadh aig uair a bhàis? Nach eagallach a’ chuilbhrionn, a bhi air ar druideadh a stigh le ar peacaidhean gu bràth, a bhi a’ bàsachadh gun charaid mu ’n leabaidh a bheir sòlas, ach le cuimhne air na chaidh seachad chum eagal agus uamhunn a dhùsgadh! Smuainich air sin; agus ’n uair a bhitheas tu air do bhuaireadh le peacadh no le dòchas buannachd, amhairc ris,—“Mu dheireadh!” “Mu dheireadh!” Gu-n tugadh Dia thu gu breitheanas ceart. II. Agus a nis pilleamaid gu dara taobh na lòchrain. Is e an dara ni mu dheireadh BREITHEANAS. An deigh [TD 231] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1880. TD 3] bàis am breitheanas. An uair a bhàsaicheas sinn cha bhàsaich sinn. An uair a bhàsaicheas duine am bi e beò a rìs? Bithidh, oir cha bhàsaich a spiorad. Tha sinn neobhàsmhor, na h-uile h-aon againn; agus an uair theid na rionnagan as, agus a bhitheas a’ chruitheachd air a fìlleadh suas, bithidh sinn beò fhathast, cho siorruidh ri Dia féin. An uair a dh’ fhàgas sinn an saoghal, tha e air innseadh dhuinn, an deigh a’ bhàis gu bheil breitheanas. Cha-n ’eil e furasda bhi fa chomhar caithir-bhreitheanais barail an t-saoghail, agus binn an dìtidh a chluinntinn; ach seasamh am fianuis caithir-bhreitheanais Dhé, agus a bhi air ar dìteadh leissan! Gu-n gleidheadh Dia sinn o sin! Amhairceamaid tiotadh beag air a’ bhreitheanas ud. Leigibh dhomh sealltuinn air na rinn mi ’s an t-solus aige. Bithidh na h-uile duine bha riamh air thalamh ann. Ciamar a thaitneas e rium gu-m bi m’ uile ghniomharan air am foillseachadh an sin? Mo smuaintean—ciamar a chordus e rium iad bhi air an leughadh a mach? Agus na nithean a rinn mi ’s an dorcha, ciamar a thig rium iad bhi air an deanamh follaiseach. Gidheadh innsear am fianuis na cruitheachd iad. Bithidh na h-uile creutair an sin. Ni na ’s mò, bithidh ESAN ann an sin; agus ma dhiùlt mise a shlàinte, chi mi an sin ann an suidheachadh eile e. Ciamar bheir sibh aghaidh dha, sibhse a rinn tàire air? Sibhse a dh’ àicheadh a dhiadhachd, ciamar a ghiùlaineas sibh a shoilleireachd? Dhiùlt sibh agus shaltair sibh air ’fhuil phrìseil,—ciamar a ghiùlaineas sibh cudthrom a ghàirdein mhòir? Agus bithidh Dia an sin, gu soilleir,—an Dia tha an so nis, eadhon air là deireannach na bliadhna so, a tha a’ faicinn ’ur smuaintean agus a’ leughadh ’ur n-inntinnean aig an àm. Feuchaidh sibh ri bhi folaichte uaithe,—ach bithidh an teine ud mu’ d thimchioll ’s na h-uile àite an teid thu, ’us loisgidh e thu, oir “tha ar Dia-ne ’na theine dian-loisgeach.” Tha teid thu as uait fhéin na ’s mò na o Dhia. Gheibh thu e a làthair leat mar d’ anam. Is eigin gur goirt a bhitheas truaigh na muinntir a chluinneas an Dia-duine ag radh, “Imichibh uam, a shluagh mhallaichte, chum teine shiorruidh!” Gu-m b’ ann bhitheadh sibh ’ruighinn air ’ur n-uile ghniomharan fhaicinn ann an solus là breitheanais. III. Ach tha an treas taobh air mo lòchran,—soilleir, dealrach mar na rionnagan. Is e an treas aon de na “nithean deireannach” NEAMH,—cuibhrionn cuid dhinn, tha mi an dòchas. Bha sibh a’ saothrachadh, a’ saothrachadh gu cruaidh, agus a’ cur follus dhibh, agus ag ràdh, “Cha-n ’eil mo chuibhrionn taitneach. Oh, tha mi sgith! Cha-n urrainn mi a ghiùlan.” Gabh misneach a charaid. Tha fois ann do ’n neach sgìth, tha fois shiorruidh aig muinntir shaorta an Tighearna; agus an uair a ruigeas tu neamh, cia beag ’s a chi thu do shaothair uile, eadhon ged mhaireadh i tri fichead bliadhna ’s a deich. Agus bha iomadh call ’us crois agad; bha thu aon uair ann an cothrom crannchuir, tha thu nis bochd. Bithidh agad ri dhol dathigh an diugh gu tigh bochd agus bord gann. Ach a charaid ionmhuinn, cha bhi thu an sin fada. B’ fhearr leam gu-n amhairceamaid air ar n-uile ghniomharan ann an solus neimh—is iad creidmhich a tha mi a’ ciallachadh. Agus a bhraithrean, ’us a pheathraichean ionmhuinn, ma ’s urrainn sibh, anns an Sgoile-Shàbaid, no ann ar coimhead air daoinibh no ar bruidheann riu, neach air bith a thoirt gu glòire, meudaichidh sibh ’ur flaitheanas fhéin, agus ni sibh na ’s sona e. Amhaircibh air ’ur n-aoibhneas ann an solus neimh, agus cuiridh sibh dreach eile air. IV. Tionndaidheamaid a nis gus a’ cheathramh ni de na nithibh deireannach, agus is e sin, amhairceamaid air nithibh ann an solus na H-IFRINN. Thoir leat an so an lòchran ud. Tha duine òg an so ro shubhach. “Ho! ho!” seinnidh e, “cha-n ’eil ann an Criosduidhean ach amadanan.” Tog suas mo sholus. Sin thu, gun Dia, [TD 232] [DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1880. TD 4] gun dòchas, le dorus mòr a’ bhàis duinte, agus glaiste gu bràth. Cò e an t-amadan nis? Dean gàireachdaich a nis! Dean fanoid a nis! Airson beagan mionaidean de shubhachas reic thu a’ bhibhuantachd. Faic am fear ud ’n a amhghar. Rinn e airgiod leis a’ pheacadh, agus sin e agad. Choisinn e an saoghal uile agus chaill e ’anam féin. Ciamar tha e ’coimhead a nis? “Bheirinn deich mile fìchead punnd,” arsa duine uasal Sasunnach air leabaidh a bhàis “do dhuine ’s am bith a dhearbhas dhomhsa nach ’eil ifrionn ann.” Ach ged bheireadh e deich mile fichead saoghal cha ghabhadh sin dearbhadh, agus a nis tha fios aige air, gu truagh. Agus ciamar a sheallas michreidimh ann an ifrinn? Cha-n ’eil anacreidmhich an àite ’s am bith ach air an talamh: cha-n ’eil iad air neamh ’us cha-n ’eil iad an ifrinn. Is iongantach an ni àicheamh air bith Dhé. Cha-n ’eil sin aig na deamhnaibh, oir tha na deamhnan “a’ creidsinn agus a’ criothnachadh.” Agus tha cuid de chloinn an diabhuil a chaidh air thoiseach air an athair anns a’ pheacadh; ach ciamar a sheallas e ’n uair bhitheas iad caillte gu siorruidh? Agus, mo chàirdean ionmhuinn, tha smuain eile agam. Ciamar a sheallas dàil an uair a tha sibh an sin? Bha cuid agaibh ag éisdeachd ris an t-soisgeul o chionn fada. Dh’ fhairich sibh a bhuaidh tric, ach thubhairt sibh riamh “A dh’ aithghearr beag,” “A dh’ aithghearr beag.” Fhuair sibh dùsgadh uair ’us uair, ach ’s e bh’ agaibh, “A màireach, a màireach.” Shaoil leam an diugh ’s a mhaduinn gu-n deanainn leibh na rinn na teachdairean Romanach le Antiochus. Choinnich iad ris agus dh’ fhoighnich iad dheth, co dhiubh ’s e cogadh no sìth bha uaithe. Thubhairt e gu-m faiceadh e; agus ghabh fear dhiubh a bhata, agus tharruing e sgriob timchioll da far an do sheas e, ag radh “Feumaidh tu freagairt mu ’n teid thu á sin. Ma theid thu as is e cogadh bhitheas ann. Nis, cogadh no sìth?” Agus tharruinginnse sgriob uaigneach timchioll ortsa aig an àm, agus theirinn riut, “Cò dhiubh bhitheas ann,—peacadh no naomhachd, thu féin no Criosd? An e gràs, no an e naimhdeas bhitheas ann, an e neamh no an e ifrionn?” A luchd-éisdeachd, nach ’eil ni annaibh a tha ag innseadh dhuibh gu bheil sibh a’ bàsachadh? Nis, o ’n tha saoghal ann ri thighinn, agus sibhse a’ creidsinn sin, ciamar a ’s urrainn sibh buntainn ris na nithibh sin gu faoin? Ciod e ris am bheil thu a’ feitheamh, mo charaid? Airson cothrom eile? Nach ’eil Dia ag ràdh, “A nis an t-àm taitneach; a nis là na slàinte?” Oh, gu-n robh thu glic, agus gu-n smuainicheadh tu air do chrich dheireannaich, agus gu-n iarradh tu Dia! Thainig Iosa Criosd do ’n t-saoghal a theàrnadh pheacach. Is e so an soisgeul, “An ti a chreideas cha dhìtear e.” Is e bhi ’creidsinn bhi ag earbsadh. Oh gu-n robh gràs agaibh ’ur n-anaman earbsadh ris an Tighearn Iosa Criosd a nis agus gu bràth, agus an sin cha ruig sinn leas eagal a ghabhail as na briathraibh, “MU DHEIREADH,” no solus nan ceithir nithean deireannach, BAS ’US BREITHEANAS, NEAMH ’US IFRIONN. Tha e air iarraidh air na cairdibh leis am bu mhaith a bhi’ cabhar anns na leabhranan so a chraobhsgaoileadh, gun tugadh iad an tabhartas, ge b’ air bith cho beag ’s a dh’ fhaodas e a bhi, do ’n mhuinntir leis am bheil iad air an toirt seachad doibh o àm gu àm. SCOTTISH “MONTHLY VISITOR” TRACT SOCIETY. DEPOSITARY, JOHN HUME, 40 NORTH HANOVER STREET, EDINBURGH. MORRISON AND GIBB, PRINTERS, EDINBURGH.