[TD 1] LITIR BHO NIAL CLEIREACH ’AN CANADA UACHDRACH, GU ’BHRATHAIR, COINNEACH CLEIREACH, A BHA ’S AN EILEAN ILEACH. GLASGOW: PRINTED BY A. SINCLAIR 62 ARGYLE ST. FOR N. CAMPBELL. 17 MALTA STREET. MDCCCLX. [TD 2] [Blank] [TD 3] Tha nis deich bliadhna bho’n a sgrìobhadh an Litir a leanas, ged nach tàinig i gu làimh a’ Chlòbhuailtear gus o cheann ghoirid, agus a’ meas gu’m faod i bhi feumail gu beachd cothromach a thoirt do’r luchd-dùthcha mu chuid de na doilgheasan a thachaireas riu ann am fàsaichean Chanada tha i air a cur an clò: cha ’n ann idir ’an rùn bacadh a chur air muinntir air bith a rinn suas an inntinnean gu dol do’n dùthaich fhàrsuing sin, ach gu an ullmhachadh gu cur suas le caochladh nithean a tha coltach a thig ’n an aghaidh. Cha ’n ’eil ag nach dùthaich tharbhach Canada, agus tha cothrom aig daoine glic, dichiollach, tapaidh, tighinn air an aghaidh ’an sin nach ’eil aca sa’ Ghàidhealtachd. Glascho, am mìos Màirt, 1860. [TD 4] [Blank] [TD 5] LITIR, &C. A Choinnich, a ghaoil, ’s tu mo bhràth’ir, ’S ged nach bu chòir dhomh chur ann dàil, Dhearmaid mi nis iomadh là Sgeul thoirt duit mu Chanada. Tha nis tuilleadh a’s dà bhliadhn’ Bho ’n chuir thu litir gu Nial, ’S tha mi ’g innseadh dhuit gu’n d’ iarr Thu motha ’s dian mo bharail innt’. A Choinnich, &c. Dh’iarr thu innte uair no dhà Mi dh’innseadh dhuit gach ni mar bhràth’ir, ’S an coimeas mar a tha thu’n tràs Am b’fhearr dhuit a bhi ’n Canada. ’S air chumhnant thu bhi ni b’ fhearr Gu’n oidhirpicheadh tu gun dàil, Gu’m biodh am fearann uait ’s am bàrr Mu’m biodh ach gearr an t-Samhainn ann. A’s dh’ainmich thu innte mar a bha An tuath ’g an roup air son a’ mhàil— Ile air fhagail gun laird, ’S gach ni am mèin nam Factors ann. Uibhir ’s gu’n robh cuid do bhrigh ’S an t-sean fhocal bha air inns’, “’N uair thréigeas na duchasaich Il’ Gur beag bhios sìth na dh’fhanas ann.”* Chuala sinn’ an so ’s an àm Mu Shawfield a dhol do’n Fhrainng— ’S beag an t-ioghnadh e air chinnt Ged thionndaidh e ’na shruthaire. * Faic Faisneachd Mhic-Aoidh na Ranna. [TD 6] Faic mar pheanasaich e daoin’ Air son nan creutairean bha saor— Iasg na h-aibhne air gach taobh, Cearca-fraoich a’s gearraidhean. Chaidh uaislean Ile bun os ceann ’S am bochd ’na éiginn air gach làimh, Na’s urrainn teachd ’toirt oidhirp theann Air àite tàimh ’an Canada. Tha ’n dùthaich-s’ pailt le deoch a’s biadh, ’S cosnadh do gach neach g’a mhiann— Lagh a’s riaghladh ’g ar dion, ’S na siontan tha iad fallan ann. Tha focal Dé gu pailt ’n ar làimh, ’S luchd-teagaisg againn ’s an dà chainnt— Eaglais a’s aodhair air an ceann A’ ga’il os làimh gur creidmhich iad. An déigh na h-uile ni tha ann Cha d’ fhuair mi gu bheil m’ inntinn leam, Ged tha cuid their rium, le sgraing, Gur taingeil dhomh bhi ’n Canada. Cha ’n iarrainn-sa air neach gu bràth Tigh’nn air mo chomhairle do’n àit-s’, ’S tha mi ’creidsinn thus’, a bhràth’ir, Gur gann a bhiodh tu toilicht’ ann. Pàirt do’n aobhar chuir nach bi Ni mi ann an so dhuit inns’, A chionn nach d’ fhàg thu riamh Il’, No crìochan Thom-a-stachd agad. Tha mòran daoine ann an dùil Ri àm dhoibh bhi tigh’nn do’n dùth’ich-s’ Gu’m bi an teaghlaichean cruinn, ’N uair tha chùis tur dhealaichte. Ach innsidh mi dhuit gun bhòsd, Cha’n aithne dhomh aon ’s an dòigh-s’, Ach bràth’ir-do-mhàthar, Aonghas mòr, ’S is dòigheal e ’s an rathad so. [TD 7] Tha còig ciad aca le còir, A bhràthair ’s a chuid mac ’na chòir, A nigh’nean a’s dithis diubh pòsd’, ’S mar bheagan ròid an tighean da Bha mise sgriob ann air chuairt, Mu chiad mile tha iad uam— Bha mi cho anamoch ’san uair ’S gu’n d’ fhuair mi iad nan leapaichean. Dh’iarr mi orra cuid na h-oidhch’, ’S bha sin r’a fhaotainn air chinnt, Mu’n d’rinn mi aithnichte co mi— ’S i Bheurla bha mi ’labhairt riu. ’S nuair rinn mi aithnichte co bh’ann ’S ann dh’éirich e suas le deann; Thuirt e, “’N so dhomh greim do d’ làimh”— ’N sin phòg e agus chlap e mi. Bha cuid a chuala sinn bh’air saod— Mar theireamaid luchd-fearainn-shaoir; ’S nuair rainig mi na ceart dhaoin Cha b’ ann mar shaoil mi thachair rium. Ach tha fios agam nach fhaod Mi m’ inntinn a thoirt gu saor, No choimeasain duit cuid do dhaoin Ri faoileann nan droch cladaichean. Tha mòran ann tha tigh’nn gu feum Le tighean, fearann agus spréidh, Tha tigh’nn mu làimh gu stuama sèimh, ’S a thainig lòm a’s falamh ann. Ach chi mi cuid an so ged tha ’S cha d’ thainig iad gu mòran stàth, Aig an robh sgoil, ’s luchd-ceird a’m pàirt, ’S luchd-airgid, ’s cha ’n ’eil rath orra. Obair cha d’ rinn iad no dealbh, ’S fhuair an airgead dòigh air falbh, Thog an teaghlaichean gu fair g’, ’S tha pàirt ’dol do na Staidean diubh. [TD 8] Aon ni tha ’milleadh dhaoin’ ’s an àit-s’ Uabhar, mòrchuis, agus stràic; ’S e ’n dream tha ’buannachd air an sgàth Luchd-Thavern agus marsandan. Tha airgiod ann an so cho gann ’S nach ’eil e ’dol aig h-uile àm; Ach bidh iad ’strith r’a thoirt gun taing ’S a’ gheamhradh ’nuair bhios feith aca. Dòigh ro-chumant’ tha ’s an àit-s’ Coin’ealachadh a’s faotainn dàil; A’s mu dh’fhaodas iad cha phàigh Iad tàilear ach le malairt ann. Mu se ’s gur h-éiginn doibh air ball Pàigheadh ullamh thoirt a’m’ làimh, Bidh mi cinnteach as gu’n tairg Iad coirce meanbh no peasair dhomh. Air a’ chuid a’s lugha ’n gabh thu feòil, (’S coingeis leinn feòil mhuc no bhò,) Air neo a leth, ’s ma bhios sinn beò Gheibh thu ’n còrr an ath-bhliadhna. Tha mòran ann air seilg dhoibh féin, Mar Innseanaich air son nam féidh— A’ feitheamh cothrom air a chéil’ A dh’fheuchainn cia mar charas iad. Mhothaich mis’ e ann am pàirt, Ged nach math leam bheag a ràdh, Mu’n gann a rainig Montreal Thug aon no dhà an car asam. Tha ’n sluagh ann measgte feadh a chéil’, ’S iad car dealaicht’ ann an gnè— Gàidheil, Dùidsich, ’s Frangaich gheur, Eirionnaich a’s Yankaich ann. Tha math a’s dona ’measg gach seòrs’, Ged ’s an olc tha chuid a’s mò; Ach gheibh sinn Gaill ro ghlan ’n an dòigh, ’S is daoine còir na Sasunnaich. [TD 9] Ach tha m ’g innseadh dhuit gu fior Bu taitneach leam bhi ann ann Il’, A’ faicinn bhàt’ ’sa ’g éisdeachd eun Aig sléibhtean a’s aig cladaichean. Cha b’ ionnan sin ’s mar tha mi’n tràs’, Far nach cluinn ’s nach faic mi bàt’— Og no sean a’ dol gu tràigh, ’S cha bhi muir-làn no rabhairt ann. An àite ceilear binn nan eòin Sgreadail losgann dhuinn mar cheòl— Cha chluinn sinn idir (fàth mo bhròin) An Smeòrach bhinn a’ ceilearadh. No ’Chuthag ghorm a’s bòiche sgèimh, Bu mhòr a dh’ fhàilticheadh a sgeul, Aig deireadh April ’s toiseach Mhay— ’S a’ Chéitean chluinnt’ a’ garsainn i. Bu taitneach leamsa mar an ceudn’ Bhi ’g éisdeachd searmoin a’s a’ seinn, Aig cois nam beanntan ris a’ ghréin— Ged b’ ann air Leac-an-daraich e. Creid mi, bidh e ’ruith a’m chuimhn’ Mar b’ àbhaist duinn bhi air an Dùn, ’S aig Ceann-a’-chnuic, an tigh Iain Brùn, ’S ann dlùth dha chaidh mo bhaisteadh-sa. ’S aig Cnoc-nan-àighean fada uain, Mu’n Charraig-dhuibh ’s mu’n Mhuileann-luaidh, ’S an Dubhaich aig teachd a’ mhìos mu’n cuairt, ’S air uairean an Cill-Neachdan sinn. Bhiodh bràithrean ’s peathraichean le chéil’— Nial ann ’s Alasdair Mac-Nèil— ’Toirt fàilte bhlàth le pògadh béil, ’S le inntinn spéiseil, thairisnich. Bu taitneach leam an teagasg blàth, ’S an earail ’s an robh beatha ’s fàs A gheibhte aith-ghearr, le cainnt thlàth, Bho ’r n-aodhair gràidh Mac-Neachdain i. [TD 10] ’S aig àm na bliadhna thigh’nn mu’n cuairt Bhiodh Missionaries ann bho Thuath, Le sgeul na slàinte trìd an Uain— Gun luach bhiodh fion a’s bainne dhuinn. Ach ’s math do’n fheadhainn thainig trà, Oir mar is luaithe ’s ann is fearr; ’S bho’n tha mi ann an tùs mo làith’ Gur dàna dhomh bhi ’talach air. Bidh cùram, dragh againn a’s call, An so, no’n sud am bi sinn ann; ’S e sud a ghealladh dhuinn ro làimh Amhgharan ’s bhi carraideach. Tha mise mar a tha gu leòir, Tha rud agam ’s tha rud orm; ’S na fiachan a bhi beag no mòr Bidh eagal mòid gach làth’ oirnn. Oir ’s deimhin leam gur so mar tha Ged bheir iad creideas agus dàil, Mar bi iad toilicht’ leinn ’s mar pàigh Cha leig iad dàil ’s an t-sumanadh. Tha sumanaidh a’ dol gu dlùth, A’s àireamh mhòr ’g an toirt gu cùirt; Ach mar is motha tha dol diubh Cha lugha tha do chreideas ann. Ged theid cuid air oidhirp chaillt’ Do sheòladairean bhios air fairg’, Gidheadh cha chum sud iad gun fhalbh— So samhladh dhuibh do’n aiteam ud. Tha mòran dol do’n fhearann ùr, Mar tha’n tràsa ann am rùn-s’, ’S gheibh sinn fearann, tigh a’s ceird Aig Sawgeens no Sidenham. Thuirt cuid rium nach measain cearr Gu’n d’ thoir e ’m chuimhne Loch-na-dàl’— Ri Port-na-h-aibhne ’s mu’n Tigh-bhàn Gu’n samhlaich sinn an acarsaid. [TD 11] Tha daoin’ ann aig àm do’n bhliadhn’ Ri iasgach eangaich agus lìn, A’s gheibh sinn ann buntàt’ a’s iasg, Am biadh a bha sinn cleachdta ris. Ach thigeadh dhuinn sealltuinn ged tha Ri nithean is motha ’s is àird, Na nithean na beatha ta làth’ir, Gur gearr gus an teirig iad. Ged gheibheamaid an seilbh air stòr, Le pailteas airgid agus òir, Cha diong iad sud a bheag fadheòidh Gun chòir ann an Emanuel. ’S tha mòran cunnairt ann an sannt, ’S mòran mealltaireachd ’an saimh A tharruing cridhe dhaoin’ air falbh, ’S a mhùchadh an fhocail annt’. ’S e thuirt an Slànuighear r’a chloinn, “A chaoidh na biodh eagal oirbh, Rioghachd siorruidh a thoirt duibh ’S e deadh thoil bhur n-Athar e.” ’S mòr an gealladh so mata Tha do’n t-sluagh aig am bheil gràs, Sonas siorruidh aig a’ bhàs, ’S cha ’n fhàilnich a gheallaidhean. Tha iad nan seadh a’s ’n an Amen— Cinnteach, daingean agus dearbht’, Trìd-san ’cheusadh air a’ chrann Tha réite, tearmunn ’s maitheanas. Creid le d’ chridhe chum slàint’, ’S gheibh thu réite trìd a bhàis— Feuch gu’n éisd thu ris mar Fhàidh, ’S na ainm bhi air do bhaisteadh dha. Gun bharantas o Fhocal Dé Na gabh briathran neach fo ’n ghréin, ’S na bi ’cur t’inntinn troimhe chéil’ Ag éisdeachd ri’n cuid bharailean. [TD 12] Ach ’s éiginn domh bhi ’teachd gu ceann, ’S a nis bhi ’dùnadh le mo rann— Tha fiosam nach ’eil e gun mheang, ’S cha ’n fhaigh mi ùin’ g’a cheartachadh. Cha ’n e paipeir, dubh no peann Ach an ùin’ orm ’tha gann, No bheirinn tuille dhuit ’an rann Bhiodh feumail do na b’ aithne dhomh. Ach mu’n co-dhuin mi ’s an uair Thoir mo bheannachd gu Ceit Ruadh, Is tric a bhios i ’ruith a’m’ smuain— Bu shuairc’ air ceann an rathaid i. Mo bheannachd dhuitse ’s do chàch— Cha’n ainmich mi iad uile ’n tràs; Ach Donnachadh, Coinneach ’s mo mhàth’ir, ’S an seann-duine ma’s maireann e. Innis dhoibh gu bheil mi slàn, ’S mo shùil ri’n litir-san gach là, Ged nach do thoill mi o’n làimh Ach diùltadh garbh a’s achmhasan. Is mise gu cinnteach do bhràth’ir, Ann an Cheltenham tha ’m thàmh, Nial Cléireach ’s e sin m’ ainm, ’S is annsa leam a chantainn rium. A’ CHRIOCH.