[DA 1] FILIDH NAM BEANN: THE MOUNTAIN SONGSTER. THE CHOICEST COLLECTION OF ORIGINAL AND SELECTED GÆLIC SONGS NOW KNOWN. “An t-òranaiche sunndach, ceòlmhor, Dh’ fhógras bròn, ’s a dhùisgeas fonn.” GLASGOW: WAITT & STEWART, 76 QUEEN STREET. [ENTERED IN STATIONERS’ HALL.] [DA 2] [Blank] [DA 3-4] CLAR-INNSE. [TD 1] FILIDH NAM BEANN. ORAN DO CHEILE NUADH PHOSDA. Le D. B. Mac-an-t-Saoir. A Mhàiri bhàn òg ’s tu ’n òigh th’ air m’ aire Ri m’ bheò bhi far am bith’nn fhéin; O ’n fhuair mi ort còir cho mòr ’s bu mhaith leam, Le pòsadh ceangailt’ o ’n chléir; Le cumhnantan teann, ’s le banntaibh daingean, Le snaom a dh’fhanas, ’s nach tréig: ’S e t’ fhaotainn air làimh le gràdh gach caraid ’Rinn slàinte maireann a’m chré. ’N uair bha mi gu tinn ’s mi’n cinnseal leannain, Gun chinnt co ’theannadh rium fhéin, ’S ann chunna’ mi ’n òigh aig bòrd tigh-leanna, ’S bu mhòthar, ceanalt’ a beus; Tharruing mi suas rith’ ’s fhuair mi gealladh O’n ghruagaich bhanail bhi’m réir; ’S mise bha aobhach t’ fhaotainn mar rium, ’S crodh-laoigh a’ Bharain a’d’ dhéigh. Maduinn Di-luain, ge buan an t-slighe, ’N uair ghluais mi, ruithinn mar ghaoth, A dh’fhaicinn mo luaidh, ’s rud uainn ’n ar dithis Nach dual da rithis gu’n sgaoil: Thug mi i ’n uaigneas uair a bhruidhinn, ’S ann fhuair an nighean mo ghaol; A’s chluinneadh mo chluas an fhuaim a bhitheadh Aig luath’s mo chridhe ri m’ thaobh. [TD 2] ’Sin ’n uair ’chuir Cupid ’n t-uldach a’m’ bhroilleach D’a shaighdean corranach, caol, A dhrùigh air mo chuislean, chuir luchd air mo cholum Leis ’n do thuit mi ge b’oil leam ’s gu’n d’ aom: Dh’innis mi ’n sgeul do’n té rinn m’ acain, Nach léigh a chaisgeadh mo ghaoid; ’S e leighis gach creuchd i féin le ’feartan Theachd réidh a’m’ ghlacaihh mar shaoil. Bheirinn mo phòg do’n òg mhnaoi shomalt’ A dh’ fhàs gu boinneanta, caoin, Gu mìleant, còmhnard, seòcail, foinnidh, Do chòmhradh gheibh mi gu saor: Tha mi air sheòl gu leòir a’d’ chomain A’ bhòid ’s a chuir thu gu faoin Do m’ smaointean gòrach pròis nam boireannach, ’S còir dhomh fuireach le h-aon. Chaidh mi do’n choill’ an robh croinn a’s gallain, ’Bu bhoisgeil sealladh mu’n cuairt, ’S bha miann mo shùl do dh’ fhiùran barraicht’ An dlùthas nam meanganan suas; Geug fo bhlàth o bàrr gu talamh, A lub mi farasda nuas, Bu duilich do chàch gu bràch a gearradh ’S e’n dàn domh ’m faillean a bhuain. Shuidhich mi lìon air fior-uisg tana, ’S mi ’strìth g’a tharruinn air bruaich, ’S thug mi le sgrìob air tìr a’ ghealag, ’S a lìth mar eal’ air a’ chuan: ’S toilicht’ a dh’ fhàg e ’n là sin m’ aigne An roinn a bh’ agam ’s an uair; B’e coimeas mo cheud-ghràidh reul na maidne, Mo chéile cadail ’s mo luaidh. ’S e b’ fhasan leat riamh bhi ciallach, banail, Ri gnìomh, ’s ri ceanal mna-uails’; Gu pàirteach, bàigheal, blàth gun choire, Gun ghiamh, gun ghainne, gun chruas; [TD 3] Gu déirceach, daonntach, faoilidh, farasd’ Ri daoine fanna, bochd, truagh; Is tha mi, le d’ sheòl, ’an dòchas ro-mhaith Gur lòn do t’anam do dhuais. Chuir mi air thùs ort iùl a’s aithne Le sùgradh ceanalta, suairc’; ’N uair theannain riut dlùth bu chùbhraidh’ t’ anail Na ùbhlan meala ’g am buain: Cha bhitheadh sgeul rùin a b’iùl dhomh aithris A b’ fhiù nach mealladh i uam; Na’n cuircadh i cùl rium ’s diùltadh baileach Bu chùis dhomh anart a’s uaigh. Do bhriodal blàth, ’s do mhànran milis, Do nàdur grinnis gach uair, Gu beulchair, gàireach, àluinn, coimhneil, Gun chàs a thoilleadh dhuit fuath; Chuir i guin bàis fad ràith’ am mhuineal Dh’ fhàg làn mi ’mhulad ’s do ghruaim, ’N uair thuig i mar bha, ’sa thàr mi ’n ulaidh Ghrad spàrr i ’n cunnart fad uam. ’S ann thog i mi ’m prìs o’n tìm so’n uiridh An nì ’s an urrainn a fhuair, Sguab do’n ìre fhior-ghlan chruinneachd, An sìol is urramaich’ buaidh: ’Sin na chuir mi cho rìomhach umad, Bha t’ inntinn bunailteach, buan; Lìonadh do sgiamhachd miann gach duine An dreach, fiamh, an cumachd, ’s an snuadh. Do chuach-fhalt bàn air fàs cho barrail, ’S a bhàrr làn chamag a’s dhual; T’ aghaidh ghlan, mhàlda, nàrach, bhanail, Do dhà chaol mhala gun ghruaim: Sùil ghorm lìontach, mhìn-rosg, mheallach, Gun dìth ’cur fol’ ann ad’ ghruaidh, Deud gheal ìobhraidh, dhìonach, dhaingean, Beul mìn nach canadh ach stuaim. [TD 4] Shiubhladh tu fàsach àirdh glinne ’S an àit’ an cinneadh an spréidh, ’G am bleothan mu chrò, ’s bhi chòir na h-innis, Laoigh òg a’ mireadh ’s a’ leum; Cha mhiosa do làmh ’s tu làimh ri coinneil, N’an seòmar soilleir ri gréin, A’ fuaidheal, ’s a’ faidhmeadh bhann a’s phionar ’An àm chur grinnis air ghréis. Do chneas mar an éiteag, glé ghlan, fallan, Corp seang mar chanach an t-sléibh; Do bhràighe cho mhìn, ’s do chìochan corrach, ’S iad lìontach, soluis le chéil’; Gàirdean tlà, geal làmh na h-ainnir, Caol mheòir, glac thana, bas réidh; Calpa deas ùr, troidh dhlùth ’m bròig chuimir Is lùghor, innealta ceum. ’S ann fhuair mi bhean chaoin aig taobh Mam-charai, ’S a gaol ga m’ mhealladh o m’ chéill; Bha ’cridhe dhomh saor, ’nuair dh’fhaod mi tharruinn Cha b’ fhaoin dhomh ’bharail bhi ’d’ rèir: ’S ioma fuil uasal, uaibhreach, fharumach Suas ri d’ cheann-aghaidh fhéin, Ga d’ chmuail ’am prìs an Righ ’s Mac Cailean, ’S tu ’shìol nam fear a bha ’n Sléibht’. Na’m faighin an dràsd do chàradh daingean An àite falaich o’n eug; Ged thigeadh e ’d dhàil, a’s m’ fhàgail falamh Cha b’àill leam bean eil’ a’d’ dhéigh: Cha toir mi gu bràch dhuit dranndan teallaich, Mu’n àrdaich aileag do chléibh, Ach raogha gach mànrain, gràdh a’s furan, Cho blàth ’s a b’ urrainn mo bheul. Dheanainn dhuit ceann, a’s crann ’s an earrach, ’An àm chur ghearran an éill, A’s dheanainn mar chàch air tràigh na mara Chur àird air mealladh an éisg: [TD 5] Mharbhainn dhuit geòidh, as ròin, a’s eala, ’S na h-eòin air bharra nan geug, ’S cha bhi thu ri d’ bheò gun seòl air t-aran ’S mi chòmhnaidh far am bi féidh. CUMHA CHAILEAN GHLINN-IUBHAIR. Leis an aon cheudna. Smaoitean truagh a th’ air m’ aigne, Dh’fhàg orm smuairean a’s airsneul, An àm gluasad a’m’ leabaidh, Cha chadal ach dùsg; Tha mo ghruaidhean air seacadh, Gun dìon uair air mo rosgaibh, Mu’u sgeul a chualas o’n Apuinn A ghluais a’ chaismeachd ud duinn’; Fear Ghlinn-iubhair a dhìth oirnn, Le puthar luchd-mì-ruin, Mo sgeul dubhach r’a innseadh Thu bhi ’d’ shìneadh ’s an ùir; ’S truagh gach duine do d’ dhìlsean, O’n a chaidh do chorp prìseil, ’An ciste chumhainn, chaoil, dhìonaich, ’S ann an lìon-anart ùr. B’e sin an corp àluinn, ’N uair bha thu roimhe so ’d’ shlainte, Gun chion cumachd no fàs ort, Gu foinidh, dàicheil, deas, ùr; Suairce, foisneach, fàilteach, Uasal, irisiol, bàigheil, Caoimhneil, cinneadail, càirdeil, Gun chron r’a ràit’ air a chùl; Làn do ghliocas ’s do leursainn, Gu dàna, misneachail, treubhach, Gach àit’ an sirte gu feum thu, ’S ann leat a dh’éireadh gach cùis: [TD 6] B’e do choimeas an dréagan, No ’n t-seabhag ’s na speuraibh, Cò bu choltaich r’a chéile Na iad féin agus thu? ’S cruaidh an teachdair’ a thàinig, ’S truagh mar thachair an dràsda, Nach do sheachainn thu ’n t’ àite ’N no ghlac am bàs thu air thùs; Suas o chachaile ’ghàraidh Fhuair thu ’n acaid a chràidh mi, ’S gu’n do thaic a bhi laimh riut ’N uair ghabh iad fàth ort o d’ chùl. Air do thaobh ’s thu gun chòmhradh, ’S an àm ’n do chaochail an deò uait, T’ fhuil chraobhach, dhearg bhoidheach A’ gabhail dòrtadh ’na brùchd; Le gnìomh an amadain ghòraich, A bha gun aithne, gun eòlas, A reic ’anam air stòras, Nach do chuir ’an tròcair a dhuil. B’ e ’n cridh’ gun tioma, gun déisinn, Gun àgh, gun chinneas, gun cheutaidh, A chuir làmh a’d’ mhilleadh gun reusan, Le cion céill agus tùir; ’S e ghlac mar chomhairl’ an eucoir, ’S bochd an gnothach mar dh’éirich, Dh’ fhàg e sinne fo eislean A’s e féin ’na fhear-cùirn: ’S ged nach sàmhach a leaba Le eagal a ghlacadh, Cha ’n e tha mi ’g acain Ach mar thachair do ’n chùis; An t-àrmunn deas, tlachdmhor, A tha ’n dràsd ’an Aird-chatain, An déigh a chàradh an tasgaidh, An àite cadail nach dùisg. ’S e do chadal gu sìorruidh A dh’fhàg m’ aigne cho tiamhaidh, [TD 7] ’S tric smaointeanan diomhain, A’ tigh’nn gu dian orm a’s ùr: ’S tròm a dh’fhàs orm an iargainn, Is goirte tàrsa na ’m fiabhras, Mo chomhalt’ àluinn, deas, ciatach, An déis a reubadh gu dlùth: Mìle mallachd do ’n làimh sin A ghabh cothrom a’s fàth ort, A thug an comas do’n làmhach ’N uair chuir e ’n spàinteach r’a shùil; Sgeula soilleir a b’ àill leam, Gu’n cluinnt’ a’m’ follais aig càch E bhi ’dol ri cromaig le fàradh, Gus am measa dha-san na dhuinn. Ge be neach a rinn plot ort, Le droch dhùrachd o thoiseach, Bu dàna chùis dha tigh’nn ort-sa, Na do lotadh as ùr; Bha ’na rùn a bhi olc dhuit, ’S gun chridh’ aig ’aodann a nochdadh, ’S ann thàin’ e sàmhach mu’n chnocan, ’S a ghabh ort socair o d’ chùl: ’S e mo dhiùbhail a thachair, ’An àm do’n fhùdar ud lasadh, Nach robh ad’ chàirdean an taic’ riut Na bheireadh aicheamhail dhiubh; ’S a liughad fiùran, deas, tlachdmhor, Nach gabhadh cùram ro’ bhagradh, A chuireadh smùid ris an Apuinn, A chionn gu’m faiceadh iad thu. ’S tròm a phàigh sinn an ìobairt A chuir ar nàmhaid a dhìth oirnn, Ged tha ’n aich’mhail gun dioladh Thig fathast lìontan mu’n chùis, Chuireas càch ’an staid iosail Air son an àileagain phrìseil, Bh’ anns an àite mar fhìrean, A chleachd firinn a’s cliù: ’S bochd an naigheachd r’a àireamh Gur h-ann a nasgaidh a tha thu, [TD 8] Nach tàinig fathasd mu’n chàs ud Na dheanadh àbhachd thoirt duinn; Ach air fhad ’s gam bi dàil ann, Cho ceart ’s a tha mi ’ga ràdhtuinn Bidh an fhalachd ud pàighte, Mu’n téid an gamhlas air chùl. ’S iad na fineachan làidir Bu mhath a ghabhail do phàirte, An Righ a’s Diùc Earra-ghaidheal, Nach fhaiceadh fàillinn a’d’ chùis; Iarla dligheach Bhraid-Albann Air thùs a’ tighinn gun chearbaich, ’S gur iomadh fear armach A sheasadh calma r’a chùl: Mac-Aoidh ’s a luchd leanmhainn, Leis an éireadh suinn nach bu leanabaidh, Na laoich bhuidhneach, mhòr, mheamnach, Le ’n lannan ceanna-bheairteach cùil; Mac-Dhòmhnuil duibh a’s Clann-Chamshroin, ’S gu leòir do thighearnan ainmeil, ’S fhad o’n chuala sinn seanachas Gu’n do dhearbh iad an cliù. ’S ghabh thu àite le òrdugh Air pàirt do Shrath-Lòchaidh, ’S cha b’ ann air ghaol stòrais, Na los am pòrsan thoirt diùbh; Ach a sheasamh an còrach, Le meud do cheist air an t-seòrs ud, ’S an oighre dligheach air fògradh, G’am bu chòir bhi ’s a’ chùirt: ’S ged a theireadh luchd-faoineachd Gu’n robh t’aire-sa daonnan ’Bhi sgainneart nan daoin’ ud, ’N an leigeadh sgaoilteach air chùl; Chite fhathasd a chaochladh, N’am faigheadh tu saoghal, Gur e bhi ’tarruing luchd-gaoil ort, As gach taobh a bha ’d’ rùn. Bu tu cridhe na féile, Dh’fhàs gu tighearnail, ceutach, [TD 9] ’An làthair bhreitheimh Dhunéideann ’S tric a réitich thu cùis; ’S oil leam càradh do cheud-mhna, ’S òg a’ bhanntrach a’d’ dhéigh i, Lion càmpar gu léir i O’n dh’eug a céile deas, ùr; Fhuair mi ’n sealladh nach b’ éibhinn, An uaigh mu d’ choinnimh ’g a réiteach, ’S truagh gach comunn thug spéis dhuit, O’n chaidh thu féin anns an ùir; ’S gun dùil a nis ri thu dh’éiridh, ’S e dh’fhàg mise fo éislean Bhi’n diugh ag innseadh do bheusan, ’S nach tig thu dh’éisdeachd mo chliù. MOLADH AILEIN AN EARRAICHD. Le A. Dughallach. Mu’n cuairt an glainne còmhnard Gun dòrtadh, ’s dean barrach i, Do’n stuth neartmhor, làidir ’Bheil càil agus fallaineachd, A dh’ òl deoch slàint’ an àrmuinn, Their càch “Fear-an-Earraichd” riut: Gach ceum gu dol a suas dhuit, A’s buaidh air na leanas riut. Mo dhùil gu grad thu thigh’nn gun stad A chum gu’m faicear fallan thu, Fhir is gasda shubhlas faiche, Nach ’eil lag no aimbeairteach; Air thùs gaisge cha bu tais thu Ri uchd cath ’g a theannachadh, ’S cha chualas ann an Albainn Ceann armailt’ a thug barrachd ort. Tha sgeul air tigh’nn do d’ dhùthaich, A’s cunntas gur maireann thu; Slàn do’n bheul a ghiùlain An t-ùrachadh, annasach; [TD 10] ’S naidheachd e ’s an rioghachd ’Ga innseadh gu barantach, Gu bheil thu nis a’d’ Chòirneal, ’S do chòraichean ceangailte: Fhir chalma ghlic ’tha ’dearbhadh tric Gu bheil do mhisneach ceannardach, B’ e sud do bheus a’ dol ’s an streup, A leòmhain bheuchdaich, fharamaich! Gach àit’ an d’ théid thu leat a dh’éireas, Na fir threuna, bhearraideach; Aig meud do threu’ntais cò d’ an géill thu, ’S buaidh gach euchd a’ leanailt riut? Lean gaisgeadh agus cruadail O dhualchas do sheanar riut, ’N uair thairneadh e bho ’chruachan A chruaidh lann gun smal oirre, ’S a ghlachdta leis neo-chearbach An t-arm d’ am b’ ainm “An Reangaire,” ’S ann thigeadh sgeul an fhuathais Air cruachdan d’ am buineadh e: ’S an cùis n’an geall, ’an cùirt n’an cainnt Cha ’n fhasan Ghall a leanas tu; Cha chleachdadh ùr an d’ chuir thu dùil, Bho ’n tha gach cliù ri aithris ort; ’N uair a dhùisgt’ thu cha bu shùgradh Tionndadh ann an carraid riut; Thu maith gu sìth a’s garg ’s an strìth— Cha toirear cìs a dh’ aindeoin dhiot. ’N uair théid thu ’n uidheam Gàidheil Bu mhiann le bannrigh’n sealladh dhiot, Le t’ osain is maith fiaradh ’S do chalp’ air fiamh na gaillinne; Sporan a’ bhruic fhiadhaich Gun chruai’-shnaom riamh ga theannachadh, Gu tric a’ tarruing ’iallan, ’S ga riarachadh air aimbeairtich: A ghnùis na féil’ théid gasd’ a t’ éideadh, Thig ort féileadh beannagach, ’Na chuaich gu dlù mu’n cuairt do d’ ghlùn Do bhreachdan ùr neo-sparrasach, [TD 11] Boinneid dhù-ghorm thig o’n bhùth A théid na crùin g’a ceannach dhuit, Fo bhàrr gu leòir do dh’ ite ’n eoin An òrdugh mar is maith leat i. Dh’ fheumadh e bhi calm’ agus Earbsach gu’m bu ghaisgeach e, Am fear a gheibheadh eanachainn Gu dol a thairgse batailt dhuit; ’S ann leat fhéin a dhearbhta Bhi fear-bhuileach, acfhuinneach, ’N uair rachadh tu fo’ t’ armaibh Ge meamnach, dealbhach, tartarach. Thig bho t achlais paidhir dhag’ Nach diultadh srad ’n uair bhuineadh i Do dh’ fhudar sgairteil nach ob lasadh, Luaidhe bhras ’na deannaibh leis; Biodag ghlas bu chairgneach cas, Gu tairgneach, cnapach, meallanach; Bhiodh sud air t’fhasdadh, ’s lann chinn-aisnich, ’S gàirdean gasda leanadh i. ’N uair dh’ éireas bratach riomhach A’ Chòirneil rioghail, Earraichdaich, ’Ga sgaoileadh ri crann dìreach ’An àm dol sios gu caithreamach; Am fìùran gasda, dìleas, Mar mhaighdean air thi leannanachd, A’ dol an coinneimh nàmhaid A’s tart gu tràghadh fal’ orra: Piobach, drumach, cruas nam builean, Fuaim gach gunna thaitneadh riut, Snapach, guineach, ealamh, ullamh, Ann an cumail batailte, ’Dol gu cumasg, ’s leat an t-urram, ’S tu gun chunart faiteachais; Bu mhaith ’s an Fhraing do lamh ’s do lann, A’s b’ fheaird’ an camp na’m faict’ ann thu. [TD 12] SIR C. CAIMBEUL, MORAIR CHLUAIDH. Le A. Mac Alastair. So deoch slàinte Shir Cailean Thar fearaibh an t’ saoghail; An Caimbeulach sgairteil Chaidh a mach ’n a Cheann-feadhna; Bho ’n a chaidh thu thar chuantan Dh’ éirich buaidh air gach taobh leat, Rinn do naimhdean dhuit strìochdadh, ’S rinn iad siochaint a ghlaodhach. Tha mo chion air an uasal, Morair Chluaidh tha mi ’g ràdhtuin, Fhuair thu meas agus urram Thar gach duine do’n àl so; Ann am fòghlum ’s an gliocas, ’S ann am misneach neo-sgàthach; Cha bu mheat air ceann sluaigh thu ’Chur na ruaig air do nàmhaid. ’S truagh nach cluinninn an sgeula Gu’n éight’ ann a d’ Dhiùc thu ’S gu’n tigeadh tu dhachaidh Làn aiteis gu d’ dhùthaich: A Cheann-feadhna nan Gaidheal, Do dheoch-slàinte cha diùlt sinn, ’S mi gu’n deanadh a tràghadh Ged a phàighinn na crùntan. ’N uair a chaidh thu do Rusia Fhuair thu urram o d’ dhùthaich, ’N uair a fhuair thu Brigade Do na Gàidheil fo d’ stiùradh: An là thug iad aig Alma Gu’n do dhearbh iad an cliù dhuit, Le an lannan geur, sgaiteach, ’S cha bu tais air an cùl iad. Craobh is àird’ anns an doir’ thu Ann an coille nan Gàidheal; Seobhag uasal na h-ealta, ’S ursann-chatha ’s na blàraibh. [TD 13] Thu gu h-iriosal, macant’, Caoimhneil, tairis ri d’ chàirdean, ’S mar an leòmhann gu casgradh, ’N àm bhi ’tachairt ri d’ nàmhaid. ’S iomadh mais’ tha r’a inns’ ort Nach cuir mi ’sios anns an dàn so, Foinidh, dìreach a’m pearsa, ’S tu gun athadh a’d’ nàdur: Fhir nach d’ fhòghlum a’ ghealtachd, Bu tu cùl-taice nan Gàidheal, ’S beag an t-ioghnadh leam fhéin e Ged thug iad spéis dhuit cho làidir. ’S ann a shaoil le luchd-beurla Gur h-ann daibh féin a bu dìsl’ thu, Bho’n chaidh t-àrach car tamull Ann an Glascho nan stìopull: Dhomhsa b’ aithne do sheanachas Le dearbhadh, ’s le firinn, Bha thu ’theaghlach ro chliùiteach Bha ’n Aird-na-h-ùadh ’an Ile. ’S iomadh sruthan mear, uaibhreach, A’ dìreadh suas ann a d’ phòraibh; ’S thu do’n fhine bha dìleas Air taobh an rìgh a’s na còrach: Dream curanda, làidir, Bha’n Earraghaidheal a chòmhnaidh; ’S mairg nàmhaid ’g an tàrladh Teachd fo àrdan a’ chòmhlain. Cuiream crioch air an dàn so Bho nach bàrd mi ’ni òran; Tha mo dhùrachd ’s mo bheannachd H-uile latha ri m’ bheò dhuit: Ach nan cluinninn thu thighinn Bhiodh mo chridhe làn sòlais; ’S ged tha ’n aois air mo lagadh Rachain astar a’d’ chòmhail. [TD 14] DOMHNULL MAC DHOMHNUILL. Bho ’n Bheurla, le E. M‘G. ’S e Dòmhnull Mac Dhòmhnuill is ainm dhomh Chaidh m’ àrach an garbhlach nam beann; ’S gu’n siubhlainn, fo bhratach na h-Alba, Gach tìr mu’m bheil seanachas ’n ar cainnt: ’Dol sios le luchd-bhoineidean dù-ghorm Cha ghabhainn bonn cùraim roi’ m’ nàimh’, ’S mi dearbht’ as na Gàidheil mu’n cuairt domh, Gur bàs airneo buaidh a bhios ann. Le’n leòir de bhrochàn ’s de chàl, Le brògaibh ’s osain fo’n sàil, Gu’n seasadh iad cruadail gun athadh, ’S ro fhuathas cha ghabhadh iad sgàth. ’N trà dh’ éireas duinn tilleadh gu sunntach A dh’ fhaicinn ar dùcha ’s ar righ, Ma theannas na Frangaich ri ’m fearra ghloir, Gur coingeis lein fairge no tìr: Cò ’chearn a’m bheil fear nach ’eil dìleas, No nàmhaid do’n righ th’ air a’ chrùn? ’N a bhad gu’m bi Dòmhnull Mac Dhòmhnuill, ’S na Gàidheil ’an òrdugh r’a chùl; Le’n cuilbheiribh caola fo ’n sgéith, Le ’n dagaichibh snaip air dheagh-ghleus, Gur h-uallach a ghluaiseas Mac Dhòmhnuill ’S na Gàidheil ’an òrdugh ’n a dhéigh. Ged dh’ éirich ar sinnsreadh le Tèarlach, Gur cliù ’s cha bu tàmailt a bh’ ann. ’N uair thainig e thugainn gun chàirdean, ’Cur earbs’ á luchd-àitich’ nan gleann: Gur cinnteach nach gliocas a ghluais iad— Fhuair bàighealachd buaidh anns an àm, ’S na’m faiceadh iad Deòrsa cho faontrach Gu’n seasadh iad aobhar gun taing. Le ’n lanntaibh tana, geur, cruaidh, Le ’n sgiathaibh ballach nan dual, Ged thigeadh an donas ’n an còmhail Gu’n leanadh iad Deòrs’ anns an ruaig. [TD 15] Tha Gòrdanaich fearail ’s a’ chomhstri, ’S tha Caimbeulaich connspaideach, cruaidh, Tha Granndaich, Clann Choinnich, a’s Mòirich, ’S na Camshronaich ullamh ’s an ruaig; Tha Stiubhartaich troma-bhuileach, làidir, Clann Leòid, ’s Clann’ic Aidh o’n taobh-tuath, Air dheireadh ’n àm seasamh na còrach Cha ’n fhaighear Clann Dòmhnuill nam buadh. Le’n leòir de bhrochan ’s de chàl, Le brògaibh ’s osain fo ’n sàil, Fo bhoineid, ’s fo bhreacan an fhéileadh, Cha ’n obadh, ’s cha ’n euradh iad nàmh. NA GAIDHEIL AIG ALMA. Le A. M‘I. Tha mise so, Abrach o Lòchaidh, ’S mi fada air fògradh feadh Ghall— ’S na’ faighinn o’n Bhàn-Righ na dh’fhòghnadh Cha bhiodh Fear-a-còghnaidh air chall— Na’n cuirt’ ann an àite nan caorach Sliochd sgaipte nan laoch nach ’eil ann, Bhiodh fàrdaichean fasgach aig faonndraich— Bhiodh aiteas a’s aoidh feadh nan Gleann. O nach robh sinn mar bha! O nach robh sinn mar bha! ’S na’m bio’maid mar bha sinn air fuireach Gu’n rachamaid uile gu blàr. ’N uair ’bha mi air sràidean Dhun-éideann, Gun airgiod, gun éideadh, a’ triall— Gun chònuidh, gun chosnadh, gun bheurla, ’S b’ e ’n t-eagal gu’n tréigeadh mo chiall; ’S ann chunnaic mi’n Réiseamaid sgiolta, ’S gu’n d’ éirich mo mhisneach a’m’ chliabh, ’S cha ’n fhiach leam gu bràth Milisi— B’i “Dhà-’s an-Dà-Fhichead” mo mhiann. O nach robh sinn, &c. [TD 16] ’S an Eiphit, ’s an Spàinnd, ’s thar gach mara— ’S an Fhraing, ’s ann an Canada fuar; ’S gu tric sinn ’s na h-Innsibh ’g ar garadh— Far nach feumainn ’bhi ’fadadh a’ ghuail: B’i ’n Reiseamaid bhuadhar ’s gach cath i, Mu’n deach i fo Chailean gu buaidh, ’S b’ e ’cheann-san a liath anns a’ chogadh ’Bu tearnadh dhuinn toiseach an t-sluaigh. O nach robh sinn, &c. ’S ann oirnn nach tig dichuimhn’ na faiche, Far ’facas na feara fo ’n cruaidh; ’S fo bhriathran ’s fo bhrosnachadh Chailein, Ar cridheachan laiste ri’r gruaidh:— “’Nis’leanaibh-se ’Laochraidh nam beann mi, A’s thugaibh o’r naimhdibh a’ bhuaidh, ’S na tillibh-se ’meadhon a’ bhruthaich, Ach glacaibh na mullaich gu luath.” O nach robh sinn, &c. Deadh Ghillean-an-Fhéilidh bu ghreadhnach, Feadh chreag agus coilltich’ ’dol suas, Ar Pìobairean ’s brataichean srannrach, G’ar greasad, mar b’ annsa, gu cruas— ’S ged mharbhadh a steud-each fo’r Ceannard, Grad laiste bha ’lann-san roi’ shluagh; ’S le’r cruaidhe, le’r luaidhe, ’s le’r lasair Chaidh naimhdean mar chathadh o’n Tuath. O nach robh sinn, &c. Air leam gu’n robh leòmhann nan gleachd leinn— An Gaisgeach o’n Earrachd mar bha, Le ’cheathairne chliùiteach a chleachd e, ’S an Reangaire ’n tarruing gun sgàth— ’S na seòid sin tha ’seòladh ri’n taice— Na fiùrain bu mhaisiche bàrr, Nach fiaradh o’n dùchas air faiche, ’S nach lùbar le gaiseadh nam blàr. O nach robh sinn, &c. ’S na’n tòiseachadh Alasdair Neacail Ri ’spagluinn air faiche no sliabh, [TD 17] Gu’n toir sinn dha aobhar a’ ghearain, Mar thug sinn do cheannaircich riabh— ’S mar rinn sinn fo Ridire Cailean, ’S na Gàidheil ’ga leanailt gu dian— A thràillean a thilleadh le’r deannal, ’Dhol dachaidh a dh’ fheannadh nam bian. O nach robh sinn, &c. CUMHA DO FHEAR SHRATH-GHLAIS, A THUIT LATHA CHUILODAIR Le ’bhean fein. Och! a Thèarlaich òig Stiùbhart, ’S e do chùis ’rinn mo léireadh, Thug thu uam gach ni bh’ agam, Ann an cogadh a’d’ aobhar; Cha chrodh, a’s cha chàirdean Rinn mo chràdh, ach mo chéile, O’n là dh’ fhàg thu mi ’m aonar, Gun sian ’s an t-saoghal ach léine— Mo rùn geal, òg. Cò nis ’thogas an claidheamh, No ni chathair a lionadh, ’S gann gur h-e tha air m’ aire, O nach maireann mo chiad-ghràdh; Ach ciamar gheibhinn o m’ nàdur A bhi ’g àicheadh na ’s miann leam, A’s mo thògradh cho làidir ’Thoirt gu ’àite mo righ màth? Mo rùn geal, òg. Bu tu ’m fear slinneanach, leathann, Bu chaoile meadhon, ’s bu dealbhaich’; Cha bu tàilear gun eòlas ’Dheanadh còta math, gearr dhuit; No ’dheanadh dhuit triubhas, Gun bhi cumhann no gann duit: [TD 18] Mar gheala bhradain do chasan, Le d’ ghearr osain mu d’ chalpa— Mo rùn geal, òg. Bu tu ’m fear mòr bu mhath cuma, O d’ mhullach gu d’ bhrògan; Bha do shlios mar an eala, ’S blas na meal’ air do phògan— T’fhalt duallach, donn, lurach, Mu do mhuineal ’an òrdugh; ’S e gu cam-lubach, cuimeir, ’S gach aon ’toirt urram d’ a bhòichead— Mo rùn geal, òg. Bu tu iasgair na h-abhann, ’S tric a thaghaich thu féin i; Agus sealgair a’ mhonaidh, Biodh do ghun’ air dheadh ghleusadh— Bu bhinn leam tathunn do chuilein’, Bheireadh fuil air mac éilde; As do laimh bu mhòr m’ earbsa, Gur tric a mharbh thu le chéil’ iad— Mo rùn geal, òg. Bu tu pòitear na dibhe, ’N àm suidhe ’s tigh-òsda; Co b’e dh’ òladh ’s tu phàigheadh, Ged ’thuiteadh càch mu na bòrdaibh: Bhi air mhisg cha b’ e b’ fhiù leat, ’S cha d’ ionnsaich thu òg e; ’S cha d’ iarr thu riamh mùthadh Air chùl do mhna-pòsda— Mo rùn geal, òg. Bha mi greis ann am barail Gu’m bu mhaireann mo chéile, ’S gu’n tigeadh tu dhachaidh Le h-aighear ’s le faoilteachd; Ach tha ’n t-àm air dol thairis, ’S cha ’n fhaic mi fear t-eugais: ’S gus an cuir iad mi ’s talamh, Cha dealaich do ghaol rium— Mo rùn geal, òg. [TD 19] Och a’s och! gur mi bochdag, ’S mi làn osnaich an cònuidh, Chaill mi duil ri thu thighinn, Thuit mo chridhe gu dòrtadh; Cha tog fidheal, no clàrsach, Pìob, no tàileasg, no ceòl mi; Nis o’n chuir iad thu ’n tasgaidh, Cha dùisg caidreamh dhaoine òg mi— Mo rùn geal, òg. Gur mise th’ air mo sgaradh, ’S ged a chanam, cha bhreug e, ’S ioma té bha na bantraich, Nach d’fhuair samhladh do m’ chéile: Fear do chéille, ’s do thugise, Cha robh furasd’ r’a fhaotainn; ’S cha do sheas an Cuilodair, Fear do choltais bu tréine— Mo rùn geal òg. ’S ioma ban-tighearna phrìseil, Le ’n sìoda, ’s le ’n sròltaibh, D’ an robh mis a’m’ chuis fharmaid, Chionn gu’n tairgeadh tu pòg dhomh: Ged a bhithinn cho sealbhar ’S gu’m b’ leam airgead Hanòbhar, Bheirinn cnac anns na h-àith’ntan Na’n diùltadh càch dhomh do phògan— Mo rùn geal, òg. ’S ioma bean a tha brònach Eadar Tròiternis ’s Sléibhte, Agus té tha na bantraich Nach d’ fhuair samhladh do m’ chéile: Bha mise làn sòlais Fhad ’s bu bheò sinn le chéile; Ach a nis o ’n a dh’fhalbh thu Cha chùis fharmaid mi féin doibh— Mo rùn geal, òg. [TD 20] ORAN LEANANACHD. Le A. Dughallach. Och nan och! ’s mi gu cràiteach, ’S trom a tha mi fo mhulad, A bhi ’fàgail na dùthcha ’S mo chulthaobh ri ’m chruinneig: Oigh nam meall-shuilean mìogach A dh’ fhàg m’ inntinn gun fhuran— Dh’fhalbh mo shùgradh ’s mo mhànran Gun bhi làmh riut a’ fuireach. Gur mis’ tha fo acain Bho mhaduinn Diciadain; Bho ’n a ghluais mi air astar Gu bheil m’ aigne fo chianal, Nach do ghabh mi mo chead diot ’N àm dhomh greasad as t’ fhianuis; Ach gabh thusa mo leisgeul, Cha robh e deas dhomh r’a dheanamh. Gur mis’ tha gu cràiteach A’ falbh air bàta dubh, daraich; ’S olc càradh mo chòta Measg còrcaich a’s tearra: B’ fhearr bhi ’n gleannan an fheòir A’ briodal phòg air mo leannan, Na bhi falbh air a bòrdaibh, ’S gun mi eòlach m’a ballaibh. Gur mis’ tha fo mhi-ghean A tigh’nn air tir am Port-Asgaig, Ri bhi cuimhneachadh mànrain Màiri bhàn an fhuilt chleachdaich: Ged a gheibhinn còir sgriobhte Air Ile le ’bheartas B’ fhearr leam furan do phòige, ’S t-fhaotainn pòsda le ceartas. Bho na thàinig mi ’n tir so Cha ’n ’eil mi titheach air cadal; [TD 21] Bu tric a’ dùsgadh an raoir, Le sgaoim air mo leabaidh, Ri linn dhomh fhaicinn a’m bruadar Mo luaidh a bhi ’m thaice; Ach ’s a’ mhaduinn ’n uair ghluais mi B’ fhada bh’ uam i ’s tir Abraich. Greis air mhire ’s air mhànran, B’ e sud m’ àbhaist ’s mo chleachdadh, Anns an tir am bheil m’ eòlas ’Measg na h-òigridh dh’ fhàs taitneach: Ach lion mulad ’s liunn-dubh mi, Tigh’nn roimh shruth Choire-Bhreachdain; ’S leam a b’ fhearr na mo chòta Bhi ’n taice Lòchaidh nam bradan. Gur a mòr mo chùis mhulaid, ’S goirt leam tromadas m’ achdainn: Eallach trom air mo mhuinneal Ga m’ chumail bho chadal; Chaidh acaid a’ m’ chridhe ’S cha toir lighichean as i, Ach tha mo dhùil ann a’ m’ shlàinte, Ma tha ’n dàn dhomh dol dhachaidh. ORAN CHLANN DO’NUILL NAN EILEAN’ Beir soraidh uam gu m’ eòlas Gu Tròiternis, ’s e b’ aite leam; An talamh maiseach, bòidheach, An tir ro òrdail, mhearcaiteach; Far ’bheil na daoine còire, Dh’fhàs fialaidh, mòr, neo-acaineach; Mnai-uaisl’ is suairce còmhradh, Gun ghruaim, gun phròis ’an taice dhoibh. An tir ro fharmail, chliùiteach, ainmeil, Mhùirneach, mheamnach, mhacanta; Bu lionmhor sealbhach iasg na fairge Tric ’g a mharbhadh taice ri’: [TD 22] Thig bradan tarra-gheal, inneach, mealgach, Iteach, earra-ghlan, breac-lannach: Am fonn ’an dearbhte ’n cinn an t-arbhar Diasach, ceanna-mhor, pailt-ghraineach. B’ i sud an dùthaich fhialaidh Air an éireadh grian gu moch-thrathach— Tir lùbach, shrathach, iosal, Gu monach, sliabhach, gucagach; Tir chruachach, sguabach, liontach— Tir mheasail, mhiaghail, thrusganach— Tir mhòr ’tha corr gu biatachd, Tir bhòidheach, lianach, lusanach. Tir bhuadhach, bhlàth, gun chruas, gun chàs, A’ tigh’nn fo bhlàth gu ruiteagach; An grunnd a b’fhearr o shliabh gu tràigh, Gu fàsach, lànach, sultmhorra: Crodh-laoigh ’s gach àit’ a’ sior bhreth àil, Gu bliochdach, dàrach, sruth-bhainneach; Is grinn a’ ghàir aig fuaim nam bà ’Dol suas ri àird nan uchdanan. Bidh mnathan donna, duallach ’N an dàil gu cuachach, cuinneagach, ’S iad modhail, banail, stuama, Neo-ghruamach, uasal, iriosal; Le’n àlach glan mu’n cuairt doibh ’G an togal suas gu h-innealta, ’S iad féin gu ladhach, suairce, Gu caoimhneil, cuanda cinneadail. Bidh òighean mìne, boidheach, fìnealt’, Stòilte, rioghail, ionghràdhach— Gun fhuachd, gun ghrìs, gun ghruaim, gun sgìos, Ro shnuagh’or, fineant, binneagach: A’s pàirt diubh ’sìor chur àird air nith, Gun chàs, gun strith, gun iomadàn; A’s pàirt, mar chi, le lànachd ni, ’Cur fai’m air sìod’ ’s air ghrinneasan. Bidh daoine tlachdmhor, còir ann Ag òl mu bhòrd gu h-oileineach, [TD 23] Nach mall, ’s nach gann mu’m pòca, ’S nach di d’an stòras teir’eachdain: B’ i sud an Fhine mhòrail, Clann-Dòmhnuill Mhòr nan eileanan, Nach inndrinn ann an dò-bheairt, ’S nach tòisich air ni ’cheileadh iad. Na laoich ’bha treun ri àm an fheuma, Cròdha, gleusda, fearachail; ’Bha ullamh, réidh, gu siubhal sléibh, Gu ruitheach, leumach, deannalach; Gur math an t-éideadh-crios am féil’, Am breacan eutrom, ainneamh orr’ An uair a dh’éighte ’cheud ratreut Gu dol ’s an streup gu ceannasach. ’N uair thogte ’bhratach bhalla-bhreac Gu meamnach os ceann churaidhean, ’Ur laochraidh thlachdmhor, dhealbhach Gur garg an taobh a chuirear iad, Nan éireadh fraoch no fearg orr’, Gu’m b’ anmanta, garbh, guineach iad; Cha phillear sibh le armailt Ged dheanadh Alba cruinneachadh. Bidh loingeas bhréid-gheal, cuan ’g a reubadh, Seòlach, reultach, iullagach, Lamh-dhearg ’ga h-éigheach, cinn ’g am beum Aig seòid nach géill do chunnartan; An taobh a dh’éight’ iad, b’ ullamh, réidh iad, ’S mairg d’ am b’ éiginn fuireach riu; Bidh feòil gu féisd aig eòin an t-sléibh’ ’S gach seòrsa béisd a chruinnicheas! BEANNACHAD AN EILTHIRICH. Le Eobhan Mac Colla. Bha long nan crann caol Mach o Mhaol dhubh Chinntire,— Air bòrd bha iad lionmhor ’Dh’ fhàg Tir nam Beann àrd; [TD 24] Bha ghrian ann a glòir Anns a’ mhòr chuan a’ sioladh:— Ciod e so ’chuir mi-ghean Air laoch a’ chùil bhàin? Cha’n e an cuan dùmhail Dh’fhàg Dùghall fo champar,— Tha ’n deur air a shùil, Ach ’s i ’dhùthaich thug ann sud, ’S e ’coimhead, fad uaithe Nan cruach b’ fhearr leis teann air,— Tir bhòidheach nam Beann, Ris nach till e gu bràth. “Mo dhùthaich!” ’s e thuirt e, “’S e t’ fhàgail mo chruaidh-dhàn, ’S ann ort nach ’eil suarrach No fuaraidh mo ghràdh; Tha grinneas a’s àilleachd Mar b’ àbhaist riut fuaighte— Gach ni mar bu dual da Ach t’ uachd’rain gun bhàigh: Mo chreach! bho nach buan Na laoich chruaidh sin nach tréigeadh ’N gleann fraoich, ’s an tùr liath, Air a bhriagh’d ’s gu’m biodh céin-thir, Tha Gàidheil ’g am fògradh Mar cheò bhàrr do shléibhtean, ’S mu lean riut Cinn-fheadhn’ ’S ann air caoirich a mhàin! O Albainn! ’n àm dùsgadh ’Thoirt sgiùrsadh do d’ naimhdean, Cò b’ ùire n’ an Gàidheal Gu éiridh leat suas? An cuimhn’ leat na dhòirt e De’n dearg-fhuil a’d’ bhlàraibh? ’S ’n e nis bhi ’ga fhògradh Gu bràch uait a dhuais? Seadh, fhògradh ’thoirt àite Do phràbar na beurla— B’ e ’m ploc ’an uchd màth’r Sud ’an àite a ceud-ghin! [TD 25] A Ghàe’ltachd! a Ghàe’ltachd! B’ e t’ fhàgail, a geugan A ghearradh o ’n chraoibh, ’S iad a’crionadh ’s an fhuachd. ’Thir steallraich, alltach, Ard-choillteach, thiugh-spréidheach— ’Thir àiridheach, fhraoch-shliosach, Ghorm-lochach, àrd; ’Thir bhreacanach, cheòlraidheach, Oranach, aoidheach, Bu tu tir nan sgeul— Dachaidh ghreadhnach nam Bàrd! Ach cò ’an tir chéin A ni ’n sgeulachd a dhùsgadh? Cò ’thogas an t-òran ’Bhiodh sòlasach, tùirseach? Cò ’bheanas do ’n chlarsaich, ’S na h-òighean air ùrlar? No ’ghleusas a’ phìob ’Thogail inntinn nan sàr? O m’ òige! ’s tu ’mheall mi!— Bha àm a’s cha ’n fhac mi,— Mar uiseag nan cnoc— Ach cùis taitneis a’s sunnd; Measg gaoil, agus càirdeis, A’s slàint’ agus pailteis, Bha m’ aigne cho reachdmhor Ri bricein a’m bùrn: O m’ anam! ’d e ni thu ’Bhi ’cuimhneachadh suaimhneis— Feall-shonas a dh’ fhàg thu Gu bràth, a’s bu luath sin! Cha phill e an t-òg mhios’ Air ròsan bhi ’bruadar, ’S cha tog e mo smuairein-s’ Bhi smuainteach’ air mùirn. A rionnag ud shuas ’S tuille ’s luath rinn thu dusgadh! [TD 26] Tha ’ghlòmain air crùban Air dùthaich mo ghaoil; Tha ghealach gu càirdeil A’ snàmh thar a stùchdan, Ach monadh no stùchd Nis do m’ shùilean cha leur! A lòchrana rìomhach! ’S ann ruibh-se tha m’ fharmad,— Ged ruaigeas an là sibh á Làth’ir tir nan garbh-chrioch, Gu’m pill sibh gu gàireach ’Chur fàilt’ oirr’ gach anamoch: Mo thruaigh’! cha bu searbh Ach bhi ’falbh uaip’ a chaoidh! A Bhan-righ nan cuan Soradh bhuan ’nis bho m’ chridh’ leat— ’S an uair ’bhios tu ’d’ shìneadh ’S an ùir fo iochd chàich, Bidh t’ ionndrain gun stàth Air na h-àrmuinn nach dìbreadh An àr-fhaich a chaoidh, Fhad ’s bhiodh cinn air an nàimh’: Uair eile, ’s gu bràth, Soraidh slàn leat, mo dhùthaich! ’S ged bheucas na cuantan, Gu h-uaigh, eadar thu ’s mi; Cha téid thu á m’ smuain Gus an suain anns an ùir dhomh: Mo dhùthaich! mo dhùthaich!” Sguir Dùghall de ’dhàn. AN T-EILEAN MUILEACH. Le D. Mac Phail. An t-Eilean Muileach, ’s an t-eilean àghmor, An t-eilean grianach mu’n iath an sàile: Eilean buadhmhor nam fuar-bheann àrda, Nan coilltean uaine ’s nan cluaintean fàsail. [TD 27] Ged tha mi ’m fhògarrach cian air m’ aineol, Sa’ Chaisteal-Nuadh, an taobh-tuath do Shasunn, Bidh tìr mo dhùthchais a’ tigh’nn fa’near dhomh: An t-Eilean Muileach bu lurach beannaibh. An t-Eilean Muileach, &c B’ fhallain cùbhraidh ’s bu réidh an t-àilean, Le blàithean maoth-bhog bu chaoine fàileadh; Bu ghlan na bruachan mu’n d’ fhuair mi m’ àrach, An Doire-chuilinn, aig bun Beinn-bhàirneach. An t-Eilean Muileach, &c. Air Lusa chaisleach nan stachd ’s nan cuartag, Bhiodh bradain thàrr-gheal nam meanbh-bhall ruadh-bhreac Gu beò-bhrisg siubhlach, le sùrd ri luath-chleas, ’S na cuislibh dù-ghorm gun ghrùid, gun ruadhan. An t-Eilean Muileach, &c. Bu chulaidh shùgraidh do dh-òg-fhir uallach, Le gathan trì-mheurach, rinneach, cruaidh-ghlan, Air caol-chroinn dhìreach, gun ghiamh, gun chnuachd-mheur, Bhi ’toirt nan làn-bhreac gu tràigh m’a bruachan. An t-Eilean Muileach, &c. Gheibht’ an ruadh-chearc ’s na coilltean ìosal, ’S a coileach tùchanach dlùth ’ga brìodal; ’S ged bha na beanntaibh gun fhaing, gun fhrìthean, Bha dàimh na cròice ’n a còrsaibh lìonmhor. An t-Eilean Muileach, &c. B’ e ’n sòlas inntinn leam a bhi ’g éisdeachd Ri còisir bhinn-ghuthach ghrinn a’ chéitein: A’ seinn gu sunndach an dlùth’s nan geugan— A’ choill fo liath-dhealt ’s a’ ghrian ag éiridh. An t-Eilean Muileach, &c. Bho ’n chlaon gach sòlas dhiubh sud mar bhruadar, Mar bhristeadh builgein air bhàrr nan stuadh thonn: O! soraidh slàn leis gach loinn a’s buaidh, a Bh’ air éilean àghmhor nan àrd-bheann fuara. An t-Eilean Muileach, &c. [TD 28] ORAN DO ’N MHISG. Le A. Dughallach. ’An àm dhomh gluasad anns a’ mhaduinn, Cha ’n ’eil m’ aigne sunndach; ’S e mac-na-bracha ’rinn mo leagadh Ann an leabaidh dhùinte; Mo chliabh ’na lasair, air a chasadh, ’S airsnealach mo dhùsgadh, ’S e sud an gleachdair fhuair fo smachd mi, ’S dh’ fhàg e m’ aisnean brùite. ’N uair a shuidh sinn ’s an tigh-òsda, Chaidh na stoip thar chunntais, Gu tric a tighinn, cha bu ruighinn Iad na ’n ruith a m’ ionnsuidh, Gun iarraidh dàlach ach sior phàigheadh, ’G òl deoch-slàinte ’Phrionnsa; ’S cha ’n iarrainn féin a dh’ aobhar ghàir’ Ach Raoghall a’ toirt cliù dhomh. Nuair a ghluais mi gu tighinn dachaidh, Lagadh a chion lùith’s mi, Gun d’ fhalbh mo neart, gun leursainn cheart, Gu’n d’ chaill mi ’m beachd bha m’ shùilibh; Feadh na h-oidhche ’s mi gun soillse, Air mo shlaoichd ’s an dùnan; Cha robh air chomas domh ach àrrusg ’S bha mo chàirdean diombach. ’S leur dhomh ’n diugh gur mòr an tàmailt Càch a bhi ga m’ ghiùlan, ’S mi féin ’an duil gun robh mi làidir Gus an d’ fhàg mo thùr mi; Ged a chuir i ’n éis mo cholunn ’S e mo sporan ’dhioghail Air gniomh na misg’ a mhill gun fhios mi, Mar d’ thig gliocas ùr dhomh. ’S olc an ealainn bhi ’ga leanailt, ’S amaideach an tùrn ’bhi [TD 29] ’Suidh’ aig bòrd a’ glaodhach òil, ’S mo phòcannan ’g an tionndadh; A’ sgapadh stòrais le meud-mhòir, ’S ag iarraidh phòg ’s na cùiltean: ’S fhad ’s a mhaireadh mo chuid òir Cha chuireadh òsdair cùl rium. ’S còir dhomh nis a thoirt fainear An t-aithreachas a dhùbladh— Mo bhòid gu gramail thoirt ’s an ealaidh Dh’ fheuch an lean mo chliù rium; Cha d’ théid deur a stigh fo m’ dheudach, ’S fheudar tigh’nn as iùnais; Cha ’n fhaigh fear falamh seòl air aran Ach le fallas gnùise. Labhair Raoghall, “Na biodh sprochd ort, ’S théid mi ’nochd air ionnsuidh, Gleidhidh mi dhuit bean a’s tochar Cho coltach ’s tha ’s an dùthaich; Ged a bhiodh tu gann do stochd Na faicear bochd do ghiùlan; ’S c’arson nach glaoidheamaid air botal Ann an toiseach cùmhnaint?” “Gur a caraid thu ro dhearbhta, ’S cha ’n ’eil cealg a’ d’ rùn domh— Gu cinnteach dh’ fhaodainn-sa riut earbsa Sealbhachadh ’sa chùis sin; Ach ged ’ghleidheadh tu dhomh céile ’G am biodh spréidh ri ’chunntas, Cha téid deur tuilidh dheth fo m’ shròin, Gu bheil mo sgòrnan dùinte.” “Ged a chuir thu cùl ri m’ thairgse, ’S dearbh gu’n deanainn saothair, ’S fada shiùbhlainn oidhche romham, ’Chionn do ghnothach fhaotainn; Maighdean ’thigeadh air do leabaidh Mar a chleachd do dhaoine; ’S bho nach toigh leat bhi ga h-innseadh, ’S tiomail dhuinn bhi ’sgaoileadh.” [TD 30] ORAN DO THRIATH GHLINNE-GARRADH. FONN,— “Faigh a nuas dhuinn am botal ’S cuir an deoch so mu’n cuairt, Lion barrach an copan, Cum socair a’ chuach; Toasta Chòirneil na féile Leis an éireadh gach buaidh, Oighre Chnòideart a’ bharraich, ’S Ghlinne-Garradh bho thuath. Thig ort measair a’s adharc Agus taghadh nan arm, Le d’ mhial choin air lothainn, ’S iad romhad a’ falbh; ’N uair théid thu do’n mhonadh, Bidh fuil air damh dearg; Cas a shiubhal an fhirich, Leat a chinneadh an t-sealg. ’S tu marbhaich’ a’ choilich ’S moich’ a ghoireas air crann— ’Bhuic bhioraich an t-seilich, Agus eilid nam beann: ’S tric a leag thu ’n an luath’s A’ chaol ruadhag ’s am manng, ’N uair a ruigeadh do luaidhe Cha ghluaiseadh iad eanng. ’S tu nàmhaid na h-eala, Lamh a mhealladh a’ gheòidh; B’ fhearr leat fhaicinn ’s an adhar, Na e luidhe air lòn— Air iteig ’ga chaitheadh Bhiodh luaidh’ air a thòir, Bho ghunna ’bheòil chumpaich, ’S cha bhiodh ùin’ aige beò. Lean do chruadail, ’s do ghaisgeadh, ’S am fasan bu dual A bhi colgarra, cosant’ ’Am brosnachadh sluaigh; [TD 31] Gu h-armailteach, treubhach, Gu geur-lannach, cruaidh; ’S tu ’shliochd nam fear treuna Nach géilleadh ’s an ruaig. Tha ’n naigheachd so fior Aig luchd-innseadh nan duan, Gur sgeul e ro chinnteach, Air do shinnsear’ bha buaidh; Nach do dhìbir an deas lamh, Ach seasamh ’s gach uair, ’S i bhuidhneadh a’ chìs Ri h-uchd strìthe le fuaim. Ghabh thu tlachd a’s deagh-cheutaich Do’n bheus a bh’aig càch— Luchd bhreacan-an-fhéilidh A dh’ éireadh a’d’ phàirt; Toirm fheadan ’g an gleusadh, Leat is éibhinn an gàir’ Mar ri binneas nan teud, ’S a bhi ’g éisdeachd nam bàrd. Tog suas an crann dìreach, Bratach rìomhach gun sgàth, Le culaireabh rioghail A dh’ innseas co iad; ’S cha ’n ob do chuid ghillean Dol ’an iomairt na spàirn, ’S tu féin air an toiseach A’ toirt mosgladh d’an càil. Tog colg ort, fhir-ghasda, Bi gaisgeil, ’s gu’m faod— Thig marcaich’ a’s coisichean Ort air gach taobh: ’S farsuinn, lionmhor do chòraich’, Clann Dòmhnuil an fhraoich— Thig do chinneadh a d’ chòmhnadh, A chraobh chòmhraig nan laoch! Tha fir chalma, ro fhearail, Ann a d’ fhearannaibh féin, [TD 32] Eadar Cnòideart ’s Gleann-Garradh, ’Théid barraicht’ air ghleus; ’Chuireas cùl air an naimhdean— Tha ’n ceannard d’an réir, ’S cha ghabh thu bhi ceannsaicht’ Le Granndaich Shrath-Spé. ’S leat càirdeas, le dùrachd, Fir ùr Innse-Gall, Nach gabh giorag no mùiseag ’N àm rùsgadh nan lann; Na’n cluinneadh iad strìth riut Bhiodh mìltean diubh ’nall; ’S mu’n leigeadh iad cùis ort ’S iad a dhùbladh do rànc. Thig a’d’ choinneamh le farum Buidheann bhras nan arm cruaidh, A bhuaileadh na buillean, ’S a chuireadh an ruaig: ’Bha gu h-àrdanach, reachdmhor, Gu feachd a’ dol suas, Bho Cheapach nan craobh, A dh’fhàg na glaoidh ’sa’ Mhaoil-Ruaidh. Bho Chomhann nam bradan Is gasd’ thig fo thriall, Clann Iain gun ghealltachd, Bha ’n neart-san leat riamh; Le’n airm ’an deadh òrdugh— Luchd a leònadh nam fiadh, ’S a dheanadh an tolladh Mu’n cromadh a’ ghrian. Cò ’thàirneadh riut rioba ’N uair thig na bheil uait? Iarl’ Antrim á h-Eirinn Leis an éireadh na sluaigh; ’S Mac-’ic-Ailein nan geur-lann, Dheanadh euchd air a’ chuan, Aig a bheil na fir ghleusda ’Dhol a reubadh nan stuadh. [TD 33] Thig iad sud ort le dùchas Bho thùr nan clach réidh, Bràithrean Dhòmhnuill, Clann Dhughaill, Marcaich shunndach nan steud: Clann-an-t’Saoir bho thaobh Chruachain ’Bha riabh cruadalach, treun; Ged a chaill iad a’ chòir ’bh’aig An seòrs’ ann an Sléibht’. DO ’N EIDEADH GHAIDHEALACH. Le D. Dughallach. SEISD— O! Fhéilidh bhig nan triuchan dearg, Ris nach faodar beantainn garg; ’S mairg a ghearradh dhiot-sa cearb, ’S do leannan dearbhta fodhad-sa. ’S i boineid, ’s lus no geug do chraoibh, Sàitht’ ’an cìrein airgid daor, Suaicheantas d’ an tug sinn gaol, ’Bhi shuas ’na taobh gu cocannta. O! Fhéilidh bhig, &c. Mo cheist na laoich ’thug gaol an crì’ Do’n bhoineid ùir is dùlaidh lìth, ’S nach caith mu’n cinn am feasd ach ì, ’S gu’n diol gach righ ’bheir spoch aisde. O! Fhéilidh bhig, &c. Cha ’n fhacas ceann-bheairt air neach riamh ’Chuireas aghaidh dheth le fiamh Mar ’chuireas boineid, ’s i car fiar, Air malaidh sgiamhaich, fhosgarra. O! Fhéilidh bhig, &c. ’S e breacan-guaille ’suas le rian, Thar nan guaillean ’s cuairt mu’n chliabh, Culaidh ’s maisiche mu chliar A chuir a ghrian a solus air O! Fhéilidh bhig, &c. [TD 34] ’S e dreach nan Gàidheal sàr-dheas, cruaidh, Le’n cuid bhreacan umpa suaint’, Aogas nam fear-clise luath, ’S an àirde tuath a’s reothadh ann. O! Fhéilidh bhig, &c. Oir ged ’s e ’n dealbh a chì mo shùil Tàirnt’ air paipeir ann am bùth, Sheasainn mar gun trèigeadh lùgh Mo chàil, ’s mi’n rùn bhi ’coimhead orr’. O! Fhéilidh bhig, &c. A chòta bhasaich, nan dath aosd’, ’S lionmhor treun a leugh gu daor Cò ’bha ’d’ luib mu’m biodh tu ’d fhaobh Aig nàmhaid laochail, dhocharach. O! Fhéilidh bhig, &c. Barr-maise snuaidh crios-guaill’ air seòd, Làn do reultan seudach dhreòis, ’An glasan airgid agus òir, Le claidheamh mòr ’an crochadh air. O! Fhéilidh bhig, &c. C’arson a dh’fhàgainn crios a’ chléibh, Ris an naisg an Gàidheal gleusd’ Biodag, ’s dagaichean nan leug Gu h-àm bhi feum an cobhair-san. O! Fhéilidh bhig, &c, ’S e sporan mollach ’chuilg-ghil, réidh, Usgar sgéimhe d’an tug tréin Miann an cridhe thar gach seud, ’Bhi air an sléisdean tomultach. O! Fhéilidh bhig, &c. Tha ’m féileadh beag a nis ’s gach cùirt ’Na aobhar fharmaid agus tnù; ’S cha b’ ioghnadh ged a chi mo shùil E air gach fiùran somalta. O! Fhéilidh bhig, &c. [TD 35] ’N àm dol do’n sgoil bu deas do dhòigh Chum gach àbhacais a’s spòrs; ’S e chionn thu bhi mu m’ leasraidh òg A chuir gur h-eòlach ortsa mi. O! Fhéilidh bhig, &c. Bu roghainn thusa latha féill A dhol gu h-athghoirid an t-sléibh; ’S gur tu nach cuir air easgaid éis Feadh fhéithichean a’s bhoglaichean. O! Fhéilidh bhig, &c. ’S e osan cearmant’, dhearg-bhall, dlùth Is bòidhch’ air calpa ’chunnaic sùil, ’S e ’dol a suas mar “réis do’n ghlùn,” Fo ghartan ùr nan dòs bhadan. O! Fhéilidh bhig, &c. Nach sgeinmeil brògan ’s bucail lìobht’ Do ’n airgead ghrinn is gloinne lìth, ’Bhi ’dealradh air deas-throidhean sìnnt’ Nan gallan dìreach, foghainnteach. O! Fhéilidh bhig, &c. ’S e féileadh beag nam pleat is rìgh Air gach deis’ is àirde prìs, ’S cha bhi air ceum nan Gàidheal cìs Gu dol gu frìth no monadh leis. O! Fhéilidh bhig, &c. ’S bòidhche leam na priobadh reult’ An lannair mheachair ’thig o d’ sgéith, ’N àm dol roimh ’n ruidhl’ air cruachan tréin, ’S gach pleat a’ leum gu togarrach. O! Fhéilidh bhig, &c. DO GHIL’ OG A GHABH ’S AN ARM. Le A. Mac Alasdair. SEISD— Horo! tha mi muladach Ri cumha na bheil bh’ uainne; [TD 36] Horo! tha mi muladach, Cha tog mi fonn le subhachas, ’S e fear na gruaige duibhe ’Chuireadh mulad dhiom a’s smuairean. ’S mise tha gu deurach ’S a’ mhaduinn an àm éiridh, A’ cuimhneachadh air Eamunn, ’S gur h-éisleanach mo ghluasad. Horo! tha mi, &c. ’S e mo ghaol an t-òigear ’G am bheil a’ phearsa bhòidheach— O’n dhealaich thu cho òg rium Gur tric na deòir le m’ ghruaidhean. Horo! tha mi, &c. Chuir thu còta sgàrlaid ort, Le suaicheantas na bàn-righ’nn— Tha mulad air do chàirdean Cho tràth ’s a thugadh uainn thu. Horo! tha mi, &c. Thainig òrdugh cabhagach Gu d’ thoirt air falbh do Shasunn uainn, ’S gun dùil gu’n till thu ’n gradaig ruinn, ’S e dh’fhàg mo chadal luainneach. Horo! tha mi, &c. Cha ’n ’eil cron ri ’àireamh ort Bho chùl do chinn gu d’ shàiltean; A’d’ sheasamh aig parade, Gur h-àileagan ’measg sluaigh thu. Horo! tha mi, &c. Cha ’n aithne dhomh fear t-aogais— Do ghruaidhean mar na caoran— Do shlios cho geal ’s an fhaoileann A thig o thaobh nan cuantan. Horo! tha mi, &c. Do ghruaidhean mar na ròsan— Do chneas mar chanach lòintean; [TD 37] Bu mhilse leam do phògan Na fion ’ga òl á cuachan. Horo! tha mi, &c. Sùil chorrach is glan lìonadh Fo’n mhalaidh a dh’fhàs sìobhalt’— Deud shnaighte mar na dìsnean ’S a’ bheul o ’m binn’ thig duanag. Horo! tha mi, &c. ’S iomadh maighdean bhòidheach, Le sìod’ orra mar chòmhdach, A dh’ fhalbhadh leat gu deònach, ’S a chuireadh òr ad fhuasgladh. Horo! tha mi, &c. Na’n tugte bh’ uainn le h-eucoir thu Gur h-ioma fine ’dh’éireadh leat— Clann-Alasdair na’n geur-lann, Nach géileadh d’an luchd-fuatha. Horo! tha mi, &c. Thig Caimbeulaich a’s Leathanaich— Thig Dòmhnullaich gun athadh ort— An còmhlan treubhach, fearail, Nach bu mheata ’chur na ruaige. Horo! tha mi, &c. An raoir air mo leabaidh dhomh, ’S ann chunnaic m ia’m’ aisling thu— Air dùsgadh anns a’ mhaduinn dhomh, Mo chreach gu’m b’ fhada bh’ uam thu. Horo! tha mi, &c. ’S beag ioghnadh mar a tha mi, Gach latha ’s oidhche cràiteach, A’ cuimhneachadh na dh’fhàg sinn, Fear àrd an leadain dualaich. Horo! tha mi, &c. [TD 38] AN GAIDHEAL AM MEASG NAN GALL. Le Iain Mac Ghilleain. Och! a rùin gur tu th’ air m’ aire— Och! a ghaoil gur tu th’ air m’ aire: ’S tusa ’rùin, ’s gur tu th’ air m’ aire, ’S gur h-i mo dhù’aich tha tigh’nn fainear dhomh. Cha togar fonn leam ach trom air m’ aineoil, Cha dean mi òran ’s an dòigh bu mhaith leam: Gur mi bha gòrach ’n uair thug mi ’n gealladh Do ’n nionaig òig a bha chòmhnaidh ’n Cana. Och! a rùin, &c. Gur h-ann le h-àilgheas a dh’ fhàg mi ’m fearann ’S an deachaidh m’ àrach ’n uair bha mi ’m leanabh; ’S mi ’n dùil gu’n deanainn am bliadhna ’dh’earras Na cheann’chaidh lìon dhomh gu iasgach earraich. Och! a rùin, &c. Gur mi bha stàtail ’n uair dh’fhàg mi Ailean, Ri togail gàraidh ’s a’ càradh bheallach; Gu’m b’fhearr bhi ann air neo ’s mealta ’bharail, Na bhi ’s an àm ann an tainng na’n Gallaibh. Och! a rùin, &c. Cha ghabhainn tuarasdal uaith mar sgallaig, Ach tigh’nn do’n Ghalltachd a shealltainn chaileag; ’S ’n uair ni gach té dhiubh a’m beurla m’ fharraid, Their mis’ an Gàilig gu’n d’ fhàg mi Barra. Och! a rùin, &c. Cha ’n ’eil e ’còrdadh rium seòl a h-arain— Bhi ’falbh Di-dòmhnuich ’s a’ giùlan eallaich; ’S nach faigh mi fàrdach, na àit’ am fanain, Ach sabhal fàs, air-neo stàbull ghearran. Och! a rùin, &c. ’N uair ni sinn gluasad Di-luain do ’n bhaile, Bidh bodaich Ghalld’ ann ’an geall air mealladh; Cha tuig mi’n nàdur le ’n cànain Ghallaich— Tha mise dàll ’s gun an cainnt am theangaidh. Och! a rùin, &c. [TD 39] Thoir soraidh uam-sa thar chuan’ gu m’ leannan, A’s innsibh féin di gu bheil mi fallan— Gu bheil mi’n tràs’ ann an Ca’der parish, ’S gu’n deach’ a’ Ghàilig á àite seallaidh. Och! a rùin, &c. Is tu, ’Chatriona, tha tigh’nn air m’ aire— Cha ’n e do stòras a rinn mo mhealladh; Ach thu bhi bòidheach, gun bhòsd, gun bharrachd, Do’n fhine mhòr, o Mhac Leòid na Hearadh. Och! a rùin, &c. PRIONNS’ TEARLACH A’ DEALACHADH RI FLORAIDH DHOMHNULLACH. Le D. B. Mac Leoid. ’Dh’ionnsuidh cladach a’ chuain, Ri fuar-ghaoth an anamoich, Thainig Teàrlach gun dealradh, Air alaban ’s e sgìth; Cha robh reul air a bhroilleach, No freiceadan a’ falbh leis, Ach ainnir nan gorm-shul Bu dealbhaiche lìth: Mar dhaoimean ’san oidhche Bha ’mhaighdean fo thùrsadh, ’S i cràiteach thaobh Theàrlaich Bhi ’fàgail a dhùthcha; Bu chianail a h-osna, ’S bu ghoirt deòir a sùilean, ’N uair chunnaic i ’n iùbhrach A’ dlùthadh ri tìr. Bha ’ghealach a’ snàmhadh Thar àirde nan stùchd-bheann, ’S a gathannan siùbhlach Air dlùth-thonna ’leum; Ach ghrad thug i ’n aire, ’S mar òigh air a ciùradh, [TD 40] Chuir sgàil air a gnùis ghil Do thiugh-neòil nan speur: A’s dh’ fhalaich na reultan Iad féin anns a’ ghorm-bhrat,— Bha osna na gaoithe ’Trom-chaoidh na bha ’falbh leath’; ’S b’ e gearan a’ chuain ’An àm bualadh ri garbh-chreig,— “Mo léir-chreach! an Albainn ’S ann mharbhadh na tréin!” Sheas Flòraidh a’s Teàrlach Air tràigh nan tonn caoir-gheal, ’S bu reub-chridheach, aog-neulach ’N aogas le cràdh— Cha robh focal o ’m bilibh Ach sileadh gun fhaochadh, ’S iad aodann ri h-aodann Air glaodhadh le gràdh: Ach thainig a’ bhìrlinn,— ’S i ’n rìbhinn a thòisich, Le brist-ghuthan anamhunn Air seanachas gu dòimheach, Mar chlarsach ’s a teudan Gun ghleusadh, gun òrdugh, Bha reult nam ban oga Fo dhòlum ’s fo spàirn. “A Theàrlaich mhic Sheumais, ’Ic Sheumais nan cùirtean, Mo leònadh! do chrùn Bhi air umpaidh gun euchd; Mo leònadh! na treun-laoich Cha’n éirich, ’s cha dùisg iad A trom-chadal dùint shùileach Udlaidh an éig! Cha ghlac iad an lann Anns a’ champ’ ri uchd nàmhaid— Cha sgap iad fir Shasunn Mar asbhuain ’s na blàraibh— Cha ’n fhaic iad do bhratach, ’S cha ghlac iad air làimh thu— [TD 41] Ni ’n sàile ’s am bàs ’Ur fad-fhàgail o chéil’! “A Theàrlaich mhic Sheumais, Ma dh’ fheumas tu triall uainn’ Gu’n coimhead Mac Dhia thu Bho fhiaclan nan daoi! Gu’n stiùr e an iùbhrach Air dlùth-thonna liath-ghlas, Gu réidh-shligheach, dian-shiubhlach, Fior-luath gu tìr! Gu’m boillsg anns an oidhch’ ort Na soillsearan nèamhaidh, Gu h-iùlmhor ’g a d’ ghiùlan Do dhùthaich ’s nach fheum thu, Bhi ’n ad fhògarrach brònach Fo chòmhdach mar reubal’ Aig allmharraich éitidh Neo-spéiseil ’n an crìdh’. “O Albainn! tha ’n t-àm aig Do cheann-sa ’bhi ’dòrtadh, ’S do Phrionns uait air fògradh, ’S do laochraidh ’s an uaigh! Biodh crònan do phìoban A’ sìor dhiùltadh ceòil duit, ’S do chlàrsairean rò-mhilis Dòimheach gach uair; Biodh cruitearan sgiathach Nam fior-chrannaibh sàmhach,— Cha dòirt iad an ceileir ’Am broilleach mo Theàrlaich— Cha dùisg iad na treun-laoich A dh’ eug anns an àrfhaich’— ’S cha mhosgail o ’n bhàs iad Air àirdead am fuaim!” Ach stad i,—’s le ’ròs-bhilean Phòg e a’ mhaighdeann, A’ siabadh gu caoimhneil Nan deura’ o ’sùil:— [TD 42] “Glac sòlas a Fhlòraidh Tha òganaich Fhrangach A dh’ éireas neo-ghann leam A bhuannachd mo chrùin: ’S tha lasgairean anaghlonnach ’N Albainn a dhùisgeas, Le’n trusganan balla-bhreac, ’S le’n armaibh math, dùbailt’, Théid cath-thromp nan garbh-chrioch Le borb-sgread gu bùirich, ’S bidh trupairean crùbach Gun lùgh’s anns gach cùil!” Dh’ fhàg e i ’caoineadh ’Na h-aonar air tràghaid, A’s sheòl e ’s a’ bhàt’ uaip’ A’ fàsgadh nan dòrn; Bha ’cliabh air a lìonadh Le h-iarguin los sgàineadh, ’S i airsnealach, ànrach, Gun mhànran, gun cheòl. Laidh braona na h-oidhch’ Air a’ mhaighdinn ghlain, àluinn— Bha ’h-inntinn gu luaineach Air chuan mar ri Teàrlach— Cha ’n fhac i e tuille Chum na builean a phàigheadh; Ach mheudaich a gràdh dha Gach là bha i beò. DO SHIR EACHANN MAC-’ILLEAIN. Le Mairearad Ni’c-Lachainn. ’Thi tha ’n cathair nam feartan Cum ceart agus còir ruinn, ’S cuir deadh sgeul thugainn dhachaidh Air Sìr Eachann nan ròiseal: ’S ach ma chaidh thu as t’ fhearann, ’S tu bhi tamall air fògradh [TD 43] Gur h-e sgeula mo sgaraidh Càch ag aithris nach beò thu. A Shìr Eachainn nan lùireach, Nan long siùbhlach, ’s nam bratach, ’S nan cùirteinean rìomhach, Gu’m bu lìonmhor do ghaisgich; ’S a liuthad fleasgach mòr, prìseil ’Théid a sios leat gu batailt— Bhiodh tu ’n toiseach fir Alba, ’S bu mhòr t’ armailt ri ’m faicinn. ’S tu ’chraobh is àird’ anns an doire Th’ ann an coille nan Gàidheal, Agus connspunn gun ghiorag, Sgiath air uilinn Phrionns’ Teàrlach: Bu tu iuchair an fhuasglaidh, ’N uair bu chruaidh, no bu chàs e— Meud do ghliocais ’s do chéille Bheireadh réidh as gach càs thu. Tha thu ’d’ dhalt’ aig a’ Bha-righ’nn, ’S mòr an gràdh thug i féin duit— Mar léine-chneis aig a bràthair, ’S mar aisinn chnàmha nach tréigeadh. Chaill thu t’ oighreachd, a’s t’ fhearann, ’S thug thu thairis gu léir iad, Airson seasamh gu rìoghail, ’S rinn do shinnsearachd féin sud. Tha mo chion air an fhìor-fhuil— Og rioghail na h-ealtainn; Agus cuilean an leòmhainn, ’S òg a dh’ fhòghlum thu gaisgeadh: Ursann chath thu roimh mhìltean, ’N àm dol sios ann am batailt; ’S b’ urra shuidheachadh blàir thu Ged robh càch ann an gealtachd. Dh’ aithnich latha Chuilodair Gu’m bu dosgach na Gàidheil, ’S gu’n robh thus’ ann an Sasunn An déigh do ghlacadh le d’ nàmhaid; [TD 44] Ach na ’m bitheadh tu aca Mu’n do chaileadh an àrfhaich, Cha rachadh fir Shasunn Slàn dhachaidh gu’n àite. Tha do chaistealan geala, ’S do thalachan prìseil, Far ’m biodh òl agus aighear Aig luchd-caithidh an fhìona— O! luchd nan adaichean dubha, Sgeul tha dubhach le m’ inntinn, Nach robh sibh anns a’ Chaillich Fo chaithream an lionadh. Tha mo chridh’ air a thràghadh Mar àrcan a fhliuchadh, No mar fhiadh anns an fhàsach A ghearrta gach cuisle: Gach aon naigheachd is cruaidh leinn, ’Tigh’nn cho luath ri each trupa; ’S gu bheil cuid ac’ ag ràdhtain, Fàth mo chràidh! nach till thusa. ’S tha do mheasana guaille, ’S do dhaoin’-uaisle le chéile, ’S tha do mhial-choin gun fhuasgladh— Snaom-chruaidh air an éill ac’; Iad a’ fulang gach mùiseag— Slat sgiùrsaidh nam béisdean, ’S iad a’ feitheamh na h-uaire Gus am fuasgail thu féin orr’. Cha ’n e cumha nan caorach Tha mi ’caoineadh ’s an earrach; Ach ri iargain nan daoine Ris am faodainn mo ghearan: ’S ann diubh Ailean Mac-Theàrlaich— B’ e mo chràdh do chall fola, ’S i ’n a ruith as gach taobh dhiot ’N a caochana meara. Ormsa thainig an t-ànradh ’An tùs geamhraidh na gaillinn! [TD 45] Na h-eich ghorm agus dhubha ’G ad bhruthadh, ’s ’g ad phronnadh; ’S nach tug iad do dh’ I thu Mar ri sinns’reachd do shean’ar— Far ’n robh cuirp nan seachd righrean Do ’n fhìor-fhuil bu ghlaine. S ann a theireadh Clann-Lachainn Nach fanadh iad uaitse, Ged nach d’ rinn iad a dhearbhadh ’An àm t-fhaicinn ’sa chruaidh-chas: ’S ann a leagadh an Caiptein A bh’ agad ri d’ ghuallainn; ’S gu’n d’fhuirich thu faisg air Gus ’n do threachaileadh uaigh dha. ’S mithich dhomhsa bhi sàmhach— Sgur do dh’ àireamh nan uaislean: Tha mo dhòchas ’an Iosa Nach fior mar a chualas; Ach gu’n tig Mac-’Illeain Nall fhathasd thar chuantan, ’S gu’n téid sinn na chòdhail Glé dheònach ’s an uair sinn. DUANAG DO CHRUACHAN-BEANN. Le P. Mac-an-t-Saoir. Cruachan-beann, Cruachan-beann, Cruachan-beann, ’s mòr mo thlachd dhiot Cruachan-beann thar gach meall, ’S a chuid allt ’ruith roi’ ghlacaibh. Cruachan-beann ’s e cho mòr, Tha e sònraicht’ r’a fhaicinn— Cha’n ’eil a leithid ’s an Roinn-Eòrp’, ’S geal a chòta ’n àm sneachda. Cruachan beann, &c. [TD 46] Clann-an-t-Saoir d’am bu dual ’Bhi ’n a d’ chluanagan fasgach; An diugh cha’n fhaic mi aon do’n àl ’Gabhail tàmh ann a d’ thaice. Cruachan-beann, &c. ’S iomadh linn bho n’ fhuair iad còir Air a’ bheinn is bòidhch’ r’a faicinn; ’S cho’ fhad’ ’s a ruitheas uillt gu cuan Bidh an dualchas ud aca. Cruachan-beann, &c. Fine ’s duineala, gun ghruaim, ’Nàm dol suas thun na batailt; ’S an Ceann-cinnidh air an ceann ’Toirt comand’ do na gaisgich. Cruachan-beann, &c. An Leitir-beann chaidh m’ àrach òg— Leitir bhòidheach nam badan; Gheibhte fiadh ann air an t-sliabh, ’S earbag ria’ch anns gach glac dheth. Cruachan-beann, &c. Aite ’s maisiche fo’n ghréin Chaoidh cha leur dhomh r’a fhacinn; ’S bho ’n a chuir iad thu fo fhéidh, ’S goirt mo dheur ’gabhail beachd ort. Cruachan-beann &c. Fichead mìle tha mu’n cuairt Anns a’ chruaich ud tha maiseach; Agus trì dhiubh air àird’, ’S iomad bàrd a ghabh beachd ort. Cruachan-beann &c. Soraidh ’nis le Cruachan-beann, ’S leis gach coire, ’s gleann tha ’n taic ris: ’S e mo dhùrachd Clann-an-t-Saoir Bhi chòmhnuidh ri dhà thaobh ’s na thaice. Cruachan-beann, &c. [TD 47] DUANAG O ’N BHEURLA. Le A. M‘I. O ’s rùnach leam mo rìbhinn donn ’S a’ ghleann taobh thall nam fuar-bheann— San fheasgar chiùin théid mi le m’ rùn Gu doire dlùth nam fuaran. Mo sheang-choin-seilg tha’n garbhlach í hiadh, S’ mo chridhe cian tha’n còmhnuidh, ’Sa’ ghleann san éisd mo Mhàiri ghrinn Ri ceilear binn na smeòraich. O ’s rùnach leam, &c. Tha eòin an t-sléibh air sgéith mu’n cuairt, ’S cha dùisg iad fuaim mo làmhaich, A’s mis’ am pràmh an sgàth nam bruach, ’S mo smaoin mu’n ghruagaich ghràdhaich. O ’s rùnach leam, &c. ’Si ’s aotruim’ ceum ’s is deàrsaich’ sùil, ’S a gàir’ tha ciùin a’s caoimhneil, ’S a guth tha dhòmhs’ mar shòlas ciùil ’S mi falbh nan stùchd san oidhche. O ’s rùnach leam, &c. ’S e ’caoin-fhalt fàinneach ’s àillidh sgéimh, ’Sa bràighe ’s glé-gheal, bòidhche, Fo osna ’cléibh ag éiridh séimh, Mar fhaoilinn bhàin air Lòchaidh. O ’s rùnach leam, &c. A cridhe caomhail ’s aotrom sunnd, Mar mhang aig sùrd an réidhlean; Ach caomh a’s tlàth mar bhlàth fo dhriùchd, Am maise chiùin a’ chéitein. O ’s rùnach leam, &c. Mo ribhinn ghràidh a’s àillidh sgiamh ’S tu ’s àraidh beus ’s is bòidhche, ’S a mhaise dh’ fhàs air gràdh nan ceud Cha tréig thu’n Inbhear-Lochaidh. O ’s rùnach leam, &c. [TD 48] Ged gheibhinn lu-chuirt ’s crùn an Rìgh A t-iùnnais dhiòbrainn còir orr; ’S mo bhean ’s mo bhan-righ bheirinn ì Gu tuine ’n tir na’ mòr-bheann. O ’s rùnach leam, &c. LATHA CHUILODAIR. Le Iain Ruadh Stiubhard. O! gur mis’ th’air mo chradh, Thuit mo chridhe gu làr, ’S tric snithe gu m’ shàil o m’ leursainn. O! gur mis’, &c. Dh’fhalbh mo chlaistinneachd uam— Cha chluinn mi ’s an uair, Gu mal no gu luath ni ’s éibhinn. Dh’fhalbh mo, &c. Mu Phrionns’ Teàrlach, mo rùn, Oighre dligheach a’ chrùin, ’S e gu’n fhios ciod an taobh a théid e. Mu Theàrlach, &c. Fuil rioghail nam buadh Bhi ’ga diobairt ’s an uair, ’S mac diolain le ’shluagh ag éiridh. Fuil rioghail, &c. Siol nan cuilean a bha, D’an ro-mhath chinnich an t-àl, Chuir iad sinn’ ann an càs na h-éiginn. Siol nan cuilean, &c. Ged a bhuidhinn sibh blàr, Cha b’ ann d’ ur cruadail a bha, Ach gun ar sluagh-ne bhi ’n dàil a chèile. Ged a bhuidhinn, &c. [TD 49] Bha iad iomadaidh uainn, Dheth gach fine mu thuath, ’S bu mhisde sinn’ e ri uair ar feuma. Bha iad iomadaidh, &c. Còig brataichean sròil, Bu ro mhath chuireadh an lò, Gun duine dhiubh ’chòir a chéile. Còig brataichean, &c. Iarla Chrompa le shlògh, Agus Bàrasdal òg, ’S Mac-’Ic-Ailean le ’sheòid nach géilleadh. Iarla Chrompa, &c. Clann-Ghriogair nan Gleann— Buidheann ghiobach nan lann, ’S iad a thigeadh a nall na’n éight’ iad. Clann-Ghrigair, &c. Clann-Mhuirich nam buadh, Iadsan uile bhi uainn, Gur h-e m’ iomadaidh truaigh r’a leughadh. Clann-Mhuirich, &c. A Chlann-Dòmhnuill mo ghaoil, D’am bu shuaicheantas fraoch, Mo chreach uile! nach d’ fhaod sibh éiridh. A Chlann-Dòmhnuill, &c. An fhuil uaibhreach gun mheang ’Bha buan, cruadalach ann, Ged chaidh ur bualadh an àm na teugbhoil. An fhuil uaibhreach, &c. Dream eile, mo chreach! Fhuair an laimhseachadh goirt, D’ an ceann am Frisealach gasda, treubhach. Dream eile, &c. Clann-Fhionnlaidh Bhraigh’-Bharr, Buidheann cheannsgalach, àrd, ’N uair a ghlaoidht’ an adbhans a dh’éireadh. Clann-Fhionnlaidh, &c. [TD 50] Mo chreach eile, ’s mo bhròn! Na fir-ghasd’ tha fo leòn, Clann-Chatain nan sròl bhi dhéis-laimh. Mo chreach uile, &c. Chaill sinn Dòmhnull donn, suairc, O Dhun Chrompa so shuas, Mar ri Alasdair ruadh na féile. Chaill sinn Dòmhnull, &c. Chaill sinn Raibeart an àigh, ’S cha bu ghealtair’ e ’m blàr, Fear sgathaidh nan cnàmh ’s nam féithean. Chaill sinn Raibeart, &c. ’S ann thuit na rionnagan gasd’— Bu mhaith, àluinn an dreach— Cha bu phàigheadh leinn mairt ’n an éirig. ’S ann thuit, &c. Air thùs an latha ’dol sìos, Bha gaoth a’ cathadh nan sian, As an athar bha trian ar léiridh. Air thùs an latha, &c. Dh’ fhàs an talamh cho trom, Gach fraoch, fearann a’s fonn, ’S nach bu chothrom dhuinn lom an t-sléibhe. Dh’ fhàs an talamh, &c. Lasair theine nan Gall ’Frasadh pheilear m’ ar ceann, Mhill sud eireachdas lann ’s b’ e ’m beud e. Lasair theine, &c. Mas fior an dàna g’a cheann, Gun robh Achan ’s a’ champ, Dearg mheirleach nan raud ’s nam breugan, Mas fior an dàna, &c. ’S e sin an Seanalair mòr— Gràin a’s mallachd an t-slòigh, Reic e ’onair ’sa chòir air eucoir. ’S e sin an, &c. [TD 51] Thionndaidh ’choileir ’s a chleòc’, Air son an sporain bu mhò, Rinn sud dolaidh. do sheòid righ Seumas. Thionndaidh, &c. Ach cuibheal nam feart thig mu’n cuairt, Car bho dheas ’s cha ’n ann tuath, ’S gheibh ar n-eascaraid duais na h-eucoir. Ach cuibheal, &c ’S gu’m bi Uilleam mac Dheòrs’ Mar chraobh gun duilleach, fo leòn, Gun fhreumh, gun mheagan, gun mheoirean géige. ’S gu’m bi Uilleam, &c. Gu ma lom bhios do leac— Gun bhean, gun bhràthair, gun mhac, Gun fhuaim clàrsaich, gun lasair chéire. Gu ma lom, &c. Gun sòlas, sonas, no seamhs’, Ach dòlas dona mu d’ cheann, Mar bh’ air ginealach clann na h-Eiphit. Gun sòlas, sonas, &c. A’s chi sinn fhathasd do cheann, ’Dol gun athadh ri crann, ’S eòin an athar gu teann ’ga reubadh. A’s chi sinn, &c. ’S bidh sinn uile fadheòidh, Araon sean agus òg, Fo ’n righ dhligheach d’an còir dhuinn géilleadh. ’S bidh sinn uile, &c. [TD 52] AM PRIONNSA AGUS NA GAIDHEAL. Le Alasdair Domhnullach. AM PRIONNSA. Mlìe mar’aisg air an t-saoghal, ’S carach, baoghalach a dhàil; Cuibh’l an fhortain oirnn air caochladh, Cha do chleachd sinn maoim roi’ chàch; Tha sinn a nis air ar sgaoileadh Air feadh ghleann a’s fhraoch-bheann àrd, Ach tionailidh sinn fòs ar daoine, ’N uair a dh’ fhaodas sinn gu blàr. Misneach mhaith a mhuinntir ghaolach, ’S cumaidh Dia ruinn daonnan bàigh— Cuiribh dòchas daingeann, faoilteach, Anns an Ti a ni dhuinn stàth: ’S buanaichibh gu rioghail, aorach, Traisgeach, ùir’neach, caoineach, blàth; ’S bithibh dileas ’chàch a chéile, ’S dùinear suas ar creuchdan bàis. Ach ’s fheudar dhomhs’ a nis bhi ’falbh uaibh, A Ghàidhealaibh calma mo ghràidh: Bu mhòr m’ earbsa as ar fòghnadh Ged a dh’fhòghnadh dhuinn ’s an àr; ’S iomadh ana-cothrom a choinnich Sinn ’s a’ choinneamh bha gun àgh: Ach gabhaidh mis’ a nis mo chead dhibh’ Uine bheag, ach thig mi tràth. Leasaichidh mi fòs ur call-sa, A churaidhean gun fheall, gun sgàth; Ur dillse dhligheach, rioghail, threuna, ’Dheanadh euchd ri uchd nam blàr: ’S ceann a’s colunn chur o chéile Mis’ ’s sibh féin a sgaradh fàs; Ach togaibh suas ur misneach ghleusda, ’S cuiream féin ri ’r creuchdan plàsd’. [TD 53] NA GAIDHEIL. A Mhuire sinn’ tha air ar ceusadh! Air dhi céille, ’s sinn gun chàil— Tèarlach Stiùbhart, Mac Righ Seumas, ’Bhi na éiginn anns gach càs: Gur h-e sin a rinn ar léireadh, Gur h-e ’s fheudar dha gu’m fàg; Sinn na dhéigh gun airm, gun éideadh:— Falbh ’n ainm Dhé, ach thig a ghràidh! Ar mìle beannachd ann ad dhéigh, A’s Dia ga d’ ghleidheadh anns gach àit’; Muir a’s tìr a bhi cho réidh dhuit— Ar n-ùrnuigh gheur leat féin gach tràth; ’S ged a sgar mi-fhortan deurach Sinn o chéile, ’s ceum roi’n bhàs; Ach soraidh leat a Mhic Righ Seumas, ’Shùigh ar céille thig le d’ chàird’. Chaill sinn ar stiùir ’s ar buill-bheairte— Thugadh uainn ar n-acair-bàis: Chaill sinn ar cumbaisd ’s ar cairtean, Ar reul-iùil ’s ar beachd gach là. Tha ar cuirp gu’n chinn, gun chasan— Sinn mar charcaisich gun stàth; Ach gabh thus’, a ghràidh gu t’ astar, Dean gleus tapaidh, ’s thig gun dàil. AM PRIONNSA. Beannachd gu léir le Clann-Dòmhnuill, ’Sibh a dh’ fhòirinn orm a’m’ chàs, Eadar eileanan a’s mòr-thir, Lean sibh deònach rium gach tràth: ’S iomadh beinn, a’s muir, a’s mòinteach A shiubhail sinn air chòrsa bàis; Ach theasraig Dia sinn o fhuar-fhòirneart Nan con sròn-ghaoth’ bh’ air ar sàil. Sibh a rinn, fo laimh na Trianaid, Mis’ a dhion o mhi-rùn chàch; [TD 54] Mo dhearg nàimhdean neartmhor, lìonmhor, Chuir an lion feadh ghleann a’s àrd. A mheud ’sa thaisbean sibh d’ ar dillseachd ’S còir nach dich’nich sibh gu bràch; A bhàrr gur sibh bu luaithe shìn rium Taic’ air tìr ’s an talamh àrd. NA GAIDHEIL. Ochan! ochan! cruaidh an dearmad, Bhi ’g ar tearbadh uait gun bhàs: B’ e ’n fhior éibhinneachd, ’s am beairteas Bhi ’ga t-fhaicinn gach aon là. Bidh ar ruisg làn tiom’, a’ frasadh— Ar cridh’ lag-chuiseach, gun chàil: Gu’m pill thus’ a rìs air t-ais oirnn— Beannachd leat le neart ar gràidh! AM PRIONNSA. O! tiormaichibh-se suas ar sùilean, ’Chomuinn rùnaich fhuair ur cràdh— Bidh sibh fathast maoineach, mùirneach, ’N ur geard dùbailt’ mu White-hall, ’N uair a bhios na reubail lùbach Ri bog chrùban feadh nan càrn, Gu’m bi sibhs’ an caithream cùirte, Uasal, lùth-chleasach, làn àigh. MARBH-RANN DO PHRIONNS’ TEARLACH. Le Uilleam Ros. Soraidh bh’uainn do’n t-Suaithneas bhàn, Gu là-luain cha ghluais o’n bhàs; Ghlac an uaigh an Suaithneas bàn— ’S leacan fuaraidh tuaim’ a thàmh! [TD 55] Air bhi dhomh-sa ’triall thar druim, Air Di-dòmhnaich ’s còmhlan leam, Leughadh Litir-naigheachd leinn, ’S cha sgeul ait a thachair innt’. Soraidh bhuan, &c. Albainn aosd’! ’s e fath do bhròin, Gach aon mhuir bàit’ tha ’bàrcadh oinn— T’ oighre dligheach bhi ’s an Ròimh, Taisgt’ ’an caol-chist’ lìobhta bhòrd! Soraidh bhuan, &c. ’S trom leam m’ osnaich anns gach là— ’S tric mo smaointean fad’ o làimh— Cluain an domhain truagh an dàil, Gur cobhartach gach feòil do ’n bhàs. Soraidh bhuan, &c. Tha mo chridh’ gu briste, fann, ’S deòir mo shùl a’ riuth mar allt, Ged a cheillinn sud air àm, Bhruchd e mach ’s cha mhisde leam. Soraidh bhuan, &c. Bha mi seal am barail chruaidh, Gu’n cluinnte caismeachd mu’n cuairt; Càbhlach Theàrlaich thigh’nn air chuan, Ach thréig an dùil mi gu là-luan. Soraidh bhuan, &c. ’S lionmhor laoch a’s mìlidh treun, ’Tha ’n diugh an Albainn as do dhéidh, Iad gu h-iosal ’sileadh dheur, Rachadh dian leat anns an streup. Soraidh bhuan, &c. ’S gur neo-shubhach, dubhach, sgìth, Do threud ionmhuinn anns gach tìr, Buidheann mheamnach bu gharg clìth, Ulamh, arm-chleasach ’s an strìth. Soraidh bhuan, &c. [TD 56] Nis cromaidh na cruitearan binn, Am barraibh dhos fo sprochd an cinn, Gach beò bhiodh ann an sràth na’m beinn A’ caoidh an co’-dhosgainn leinn. Soraidh bhuan, &c. Tha gach beinn, gach cnoc, ’s gach sliabh, Air am faca sinn thu ’triall, Nis air call an dreach ’s am fiamh, O nach tig thu chaoidh nan cian. Soraidh bhuan, &c. Bha ’n t-àl òg nach fac thu riamh ’G altrum gràidh dhuit agus miagh; Ach thuit an cridhe nis ’n an cliabh, O ’n a chaidil thu gu sìor. Soraidh bhuan’ &c Ach biodh ar n-ùrnuigh moch gach là, Ris an Ti is àird’ a ta, Gun e dhioladh oirnn gu bràth Ar n-eucoir air an t-Suaithneas bhàn. Soraidh bhuan, &c. Ach ’s eagal leam ge’ maith a’ chléir, ’S gach sonas ’gheallar dhuinn le ’m beul, Gu’m faicear sinn a’ sileadh dheur, Airson an Suaithneas bàn a thréig’. Soraidh bhuan, &c. Cuireamaid soraidh uainn gu réidh Leis na dh’imicheas an céin, Dh’ionnsaidh ’n àit’ an d’ laidh an reul ’Dh’fhògradh uain gach gruaim a’s neul. Soraidh bhuan, &c. ’S bith’maid toilicht’ leis na tha, O na d’ fhaod sinn bhi na’s fearr; Cha bhi ar cuairt an so ach gearr, A’s leanaidh sinn an Suaithneas bàn. Soraidh bhuan, &c. [TD 57] DO NIGHEAN FEAR THIR-NA-DRISE. Le Mac Fear Dhail-an-eas. Tha mis’ an so ’m laidhe ’N leabaidh chumhainn, chaoil, chlàraidh— Tha mo cheann air a lionadh Le fiabhras mi-nàdur’; Cha’n fhuachd, a’s cha teas e— Cha ’n ’eil fios ciod is cràdh dhomh; ’S ann tha toiseach mo ghalair Mu m’ sgamhan ’s mu’m àirnean. Thoir mo shoraidh-sa thairis Gu m’ leannan ’s a’ Bhràighe— ’S ’n uair a chluinneas i ’n aithris Cha mhaith leath’ mar tha mi; Mi gun sùgradh, gun aiteas, ’S gur h-e chleachd mi bhi ’g àbhachd; ’S e bhi cumha do phòige A leòn a chum bàis mi. Ged bu shochdair mo leaba Cha do chaideil mi ’n raoir, ’S nach d’ fhuaras thu agam Ann an taice ri m’ thaobh; ’N àm dhomh dùsgadh ’s a’ mhaduinn Bha thu fada o m’ ghlaodh— ’S mòr a b’ fheairde mi agam Aon aiteal do m’ ghaol. Cha ’n e ro mheud do nithe Tha mise ag iargain, Ach mi ’m laidhe ’n so ’m aonar Ri smaointinean diomhain; Gheibhinn bean anns an tir so ’G am bheil nì, do shìol Dhiarmaid, ’S leis na thug mi do ghràdh dhuit Gu ’m bi dàil aic’ am bliadhna. [TD 58] Tha mise fo sprochd, A ghaoil, o n’ thòisich mo cheist ort, ’S their gach aon neach do m’ sheòrsa Nach bu ghòraiche bheag sin, Mar gabh laigse na feòla ’S an òige mo leithsgeul; Ach ’s tri nith’ thig gun iarraidh, Gaol, eud, agus eagal. Gur mis’ th’ air mo leòn Mu mhnaoi òig a chùl duinn, ’S tu dheanadh mi slàn Ged a tha mi gu tinn: Tha do ghruaidh mar na caoran, Do shlios mar fhaoilinn air tuinn— ’S e bhi sealltainn a’ t’ aodann A b’ aoibhniche leam. ’S truagh nach robh mi ’s mo leannan Ann ’s a’ ghleannan an uaigneas— No ’s a’ bhadan bheag choilleadh, Far an goireadh na cuachabh; Thu sìnt’ ann am bhreacan, Dlùth paisgt’ ann am shuainich— Gu’m faighinn le deòin, A ghaoil do phòg, a’s cha b’ fhuathach, Gur diombach mi ’t’ athair, Do d’ luchd-taighe, ’s do d’ chàirdean— Le an litrichean bréige, Mar a thréig iad do ghràdh orm; Bha ’n dream d’ an robh sinne Làn toil agus àrdain— ’S e ar cumail o chéile Dh’ fhàg fo éislean gu bràch mi. AM FREAGRADH. Ged a chaidh mo phòsadh Cha bu deònach leam féin e; [TD 59] ’N uair a sheall mi a’m’ dheighidh ’S e mo roghainn a thréig mi: Og ùr a chùil ghasta, Bu tu mo thaitneach do chéile:— ’S truagh, a ghaoil, gun mi mar riut Fo sparradh na déile. Ged a thig m’ fhear dhachaidh Cha dean mi ris fàilte— Cha dean mi ris cridhealas, Bruidhinn, no gàire: Tha e ’nochd ’s a cheann iosal ’Fear nach do dhìreadh air fàilinn, Dh’ fhàg sud mise fo éislean Fad mo ré a’s mo làithean. Tha mo chion air an fhleasgach Dhonn leadanach, bhòidheach, Do ’n fhine nach strìochdadh, Do fhior-fhuil Chlann-Dòmhnuill: ’S ann a ghabh mi mo chead diot Aig an eaglais Di-dòmhnaich, ’S ged nach d fhaod mi bhi cainnt riut, Bha shannt na bu leòir orm. Gur truagh nach robh mise Gun fhios air do chulthaobh, ’N àm togail do lichde, Agus bristeadh na h-ùrach: Cha ’n iarrainn do chiste Ach mo shlios a bhi dlùth riut— Sgeul a sgath as mo cheudfaidh’, ’S ann do ’n eug thug thu cunntas. CUMHA CHLANN-AN-T-SAOIR. Le Caiptein Paruig Mac-an-t-Saoir, R.M. ’S trom a tha m’ inntinn, ri àbhachd cha bhi mi, ’S gach aon ’s a cheann iosal bha dìleas do Chruachan. [TD 60] Tha Cruachan gu dubhach A’ cumha nan uaislean; ’S tiamhaidh torman a shruthan— Tha ’choilltean air dubhadh, ’S tha ’eunlaith fo phuthar ’An dubhar a chruachan. ’S trom a tha, &c Cò ’dhìreas an làirig Do na b’ àbhaist a cuartach’? Tha Gleann-Nodha gun àiteach, ’S an Leitir ’na fàsach, ’S a fàrdaichean blàtha ’N an làraichean fuara. ’S trom a tha, &c. ’S ann shios ’an Aird-Chatain Tha ’mhacraidh nan suanaich, Fo stéidh nam ballachan cianail ’Tha ’n ceangal ’s an iadh-shlait, ’S a cuiseagan tiamhaidh ’Sileadh dhiar air an uaighibh. ’S trom a tha, &c. Cha ’n ’eil piob air na Casaibh, No bratach a’ gluasad, ’S tha Caol-charn nan glas-stuadh Ag aomadh ’s a’ brachadh, ’S a dhaoine ’s a’ Chlachan Fo ghlais nan clach fuara. ’S trom a tha, &c. Tha thu, Aonghais, ’g am fhàgail, An t-aon àgh tha ri m’ ghualainn; ’S mi mar aon duine ’m fàsach, Gun mhac no gun bhràthair; ’S am feasgar mo làithean Cò ’chàireas a’m’ uaigh mi? ’S trom a tha, &c. Ach ’n uair thraoigheas an t-ailghios, An t-àrdan, ’s an t-uaibhreas, Mu bhios Aonghas a làthair Thig e dhachaidh gu ’chàirdean, ’S cha bhi mise ’s an là sin Gun bhràthair ri m’ ghualainn. [TD 61] DO GHILLEASPUIG MAC-AN-T-SAOIR, SGIOBAIR AN “LOCHGOILE.” Le D. Dughallach. Gu ma slàn do’n Sgiobair bhàn, “Hiri! Horò! nam b’ àill leibh e;” ’S gu ma slàn do ’n Sgiobair bhàn. ’S leam gur h-aoibhinn an “Lochgoile” ’Bhi fo ’n Daoimean àraidh ud. Gu ma slàn, &c. ’N uair thig àm dha dol g’a seòladh ’S lionmhor sròl ’bhios àrd oirre. Gu ma slàn, &c. Sròlaibh breaca, ballach, cean-fhionn, ’S luasgan mear g’am bàrr orra. Gu ma slàn, &c. ’S grian na h-iarmailt ’maduinn chiatach A’ toirt sgiamh d’an àluinneachd. Gu ma slàn, &c. ’S fhada chluinnear fuaim a luigheir Mar ghuth buinne dàsachdach. Gu ma slan, &c. ’S crith gu h-obair air gach crois-alt ’Tha ’n a collainn àsuigeach. Gu ma slan, &c. ’S fhurasd ’aithneachadh aig Laimrig, Cha bhi sgraing dhroch nàduir air. Gu ma slàn, &c. Gheibhear ceanalt’ agus suairc’ e ’Cur an t-sluaigh gu sàbhailte Gu ma slàn, &c. Air bòrd na h-iùraich ’steach le cùram, ’S le fior ùidh a’ bhràithreachais. Gu ma slàn, &c. ’S mairg a theireadh nach robh eòlas Aig an òigeir bhlàth-shuileach, Gu ma slàn, &c. Air sgiobaireachd chuantan citheach, Caol no linne shàmhachair. Gu ma slàn, &c. Cha b’ ann air luba ghrod nan tunnag, Mar bha cuid do ghàrlaichean, [TD 62] A fhuair mo Sgiobair bàn a thogail, Ach feadh osnaich àrd-thonnan. Gu ma slàn, &c. B’e ’mhaighstir-sgoil’ an t-Iar-chuan sgreitidh ’Bheireadh leasain thàbhachdach. Gu ma slàn, &c. Bho òig’ a lean’beachd b’ e tuinn mheargant’, Làidir, mheamnach, àilgheasach, Gu ma slàn, &c. A thlachd bhi ’sgoltadh, le roinn fosghair, Luchd an droma chàir-ghealaich; Gu ma slàn, &c. A thigeadh air o Choire-bhreacain, ’S frasachd shneachd ’cur càil annta. Gu ma slàn, &c. ’S ullamh, ealamh théid do ghillean Ann an iomairt ghàbhaidh leat. Gu ma slàn, &c. Bidh Uilleam, t’iùil-fhear, teoma, tùrail, Aig an stiùir le h-àbaltachd. Gu ma slàn, &c. ’S bidh Dòmhnull agad-sa ’s an toiseach, ’Dheanadh t’fhorail nàistinneach. Gu ma slàn, &c. ’S bidh Donnachadh gu dil a’ feitheamh ’Dhol gu deas aig t’ àithne-sa— Gu ma slàn, &c. ’An cinnseal cumail ceart gach acuinn, Mu’n tig sgar, no fàillinn annt’. Gu ma slàn, &c. Gu ma fad e ’treabhadh mara, ’S lunnan glasa, càrsanach, Gu ma slàn, &c. Le Bìrlinn smùide chuireas dùr-thuinn Air bheag lùigh fo ’n t-sàil aice. Gu ma slàn, &c. ’S do Chlann-an-t-Saoir ’tòirt seòladh aotram Thar nam maoltan bàn aca. Gu ma slàn, &c. Mo bheannachd leat, mar ghràdh o chéile, ’S guidheam féin nach bàthar thu. [TD 63] MOLLADH AN LEOMHAINN. Le Alasdair Domhnullach. Fàilt’ an leòmhainn chreuchdaich, Is eagsamhuil spraicealachd, ’N uair dh’éireadh do chinn-fheadhna Bu mheadhrach am brataichean, ’N uair chruinnicheadh gach dream dhiubh Gu ceannsalach, tartarach, Bhiodh pronnadh agus calldach Air naimhdean a thachradh ruibh. Iad gu h-oirdhearg air bhàr cora-ghleus, Teinnteach, foir-dhearg, lasrachail, ’S àrd an stoirm air mhire confhaidh, ’S lainn ’n an dorn ri spealtaireachd, Le ’n geur cholg gu srachdadh bholg, A’ gearradh cheann a’s chorpannan— Cha shluagh gun chruaidh, gun cheannsal Le ’n lann bheireadh fosadh orra. Dùisg, a leòmhainn euchdaich, ’S dean éiridh gu faramach, Air brat ball-dhearg bréid-gheal, ’S fraoch sléibhe mar bharran air— Tog suas do cheann gu h-eutrom ’S na speuraibh gu caithriseach, A’s théid mi féin cho geur ’S a dh’ fhaodas mi a’d’ arabhaig. Togam suas do mholadh prìseil, ’S do cheann rioghail, farasda; Cha’n ’eil ceann no corp ’san rioghachd, ’An cruaidh-ghniomh, thug barrachd ort— An ceann cruadalach, àrd, sgiamhach, Maiseach, fior-dheas, arranta, Is tric thug sgairt ri h-uchd an fhuath’is Ri h-am luchd t’fhuath bhi ’tarruinn riut. Cò b’ urrainn tàir no dibl’eachd Gu dilinn a bharalachadh— [TD 64] No shamhlaicheadh riut mi-chliùth, A righ nan ceann barasach; A chreutair ghasda, riomhaich, ’S garg, fior-dheas do tharruinn-sa, Air brat glan do’n t-sìoda Ri mìn chrann caol, gallanach. E ri plapraich ri crann-brataich, ’Stalcadh chas gu h-eangarra— ’S còmhlain ghasda làn do ghaisgeadh ’Tional bras gu leanailt ris; Fearg gu casgairt ’n an gnùis dhaite, Fraoch a’s fras gu fearachas, Bhiodh sgrios a’s lannadh sìos Air luchd mi-ruin a bheanadh riut. Cha robh gorta gleòis Air an t’seòrs’ o’n do ghineadh thu, An dream rathail, mòrchuiseach, Còmhragach, iomairteach; Bu ghunnach, dagach, òr-sgiathach, Gòirseideach, nimheil iad— Bu domhain, farsuinn, creuchdach, Cneidh euchdach am firionnach. Iad gu sùrdail, ’losgadh fùdair— Toit a’s smùid o lasraichean; Na fir ùra, gheala, lùghor, ’Ghearradh smuais a’s aisinnean— Lannan dubh-ghorm, geura, cùl-tiugh ’N glaic nam fiùran aigeantach, A’ sgoltadh chorp a sios g’an rumpail— Sùrd le sunnd air strachdaireachd. ’S foinnidh, fearail, làidir, Cuanda, dàicheil, cinneadail; Sliochd nan Collaidh làmh-dhearg, ’S iad làn do dh’ àrd spiorad annta, Cho dian ri lasair chrà’-dheirg ’S gaoth Mhàirt a’ cuir spionnaidh innt’— Gun mheang, gun mheirg, gun fhàillinn, ’N ar càileachd ged ’shirte sibh: [TD 65] Na fir chogach theid ’s na trodaibh, Nach biodh roi’ lotaibh gioragach, Nach iarr prosnach’ ri h-àm cosgraidh, A phronnadh chorp a’s mhionaichean— A sgathadh cheann, a’s làmh, a’s chas diubh, Anns an toit le mire-chath— Na fir bheura threun-fheardha, Gheur-armach, fhineadail. An cinneadh maiseach, treubhach, Nan réidh chuilbhear acfhuinneach, Nach diùltadh dol air ghleus Ri h-àm feuma, gu grad mharbhadh; Madaidh a’s ùird ghleusda Gu beumadh nan sradagan, A conas dearg r’a chéile, ’Cur éibhlean gu lasraichean. Frasan dealanach, dearg-pheilear, ’Teachd o’r teine tartarach,— A’ spadadh, ’pronnadh, a’s a’ leadairt, Nan corp ceigeach, casagach; Lannan dù-ghorm ’dol g’an dùbhlan, ’Gearradh smuais a’s aisinnean, Aig na treunaibh, cruaidh-bheumach, ’S luath bhualadh speachannan. Clann-Dòmhnuill tha mi ’g ràtainn, An sàr chinneadh urramach; S tric a fhuar ’s na blàraibh Air nàmhaid buaidh-iomaineach— Iad fearadha, tapaidh, dàna, Cho làn do nimh ghuinideach Ri nathraichean an t-sléibhe, Le’n geur-lannaibh fulannach; Iad gu sitheach, gleusda, cosluath, Rùnach, bos-luath, fulasgach— Cruas na creige, luath’s na dreige, Chluinnte fead am buileanan; Na fir dhàna, lùth’or, nàrach, Fhoinnidh, làidir, urranta, [TD 66] Cho garg ri tuil mhaoim-sléibhe, No faloisg gheur nam monaidhean. A charraig dhaingean, dhìleant, Nach dìobair gun acarachd, Gluais suas gu spòrsail, rioghail Roi’ d’ mhìlidhibh gaisgeanta, ’S iad mire geal na cruadhach Gun truailleadh, gun ghaiseadh iad— ’S bòcain a chur ruaig iad, ’Bheir buaidh le’n sluagh bras-bhuileach. ’S iomadh fleasgach cùl-bhuidh’ dòid-gheal, Is garbh dòrn a’s slinneanan, A dh’éireas leat ’an tùs na còmhstri, A ni còmhrag mion-bhuilleach— Iad gu bonn-mhall, bas-luath, cròdha, Sàiteach, stròiceach, iomairteach, A’ dol a sìos ’an àm na teugbhoil, ’S leòmhann beuc’ air mhir’ aca. A leòmhainn bheucaich, ghruamaich ’Bheil cruadail air tuinneachadh, Is tric a dhearbh an cruaidh-chuis ’S na buan ruagaibh cumasgach; ’N uair a spealpta suas thu, Le d’ bhuaidh ri crann fulannach, Chite confhadh ruaimleach ’An gruaidhean a h-uile fir. ’S daingean, seasmhach, ranc do fhleasgach, ’N uair bhiodh deise tarruinn orra— Cha toir eagal nàmhaid eag annt’, ’S iad mar chreag nach caraicheadh; ’S glan am preas iad, chaoidh cha teich iad, ’S fiodh nach peasg do’n darach iad, ’S tric fhuair sibh air ur nàmhaid ’S na blàraibh buaidh chaithreamach. Na’n tigeadh ortsa fòirneart, Ga d’ leòn o chrich aineolaich— [TD 67] Coigrich le rùn dòbheairt Gu d’ chòir thoirt a dh’aindeon diot: ’S iomad làn cheann Ileach, ’S lainn lìobhta ’m beairt dhaingean annt’ ’Thàirneadh suas ri d’ shìoda, Do t’fhior-fhuil gun tanachadh. Fuirb’ean comasach nach cromadh Roi’ fhrois tholladh phearsannan— Nach biodh somalt’ dhol air chollainn ’N àm bhi sonnadh chlaigeannan— Crunluath lomarra ’ga phronnadh Air piob lonnaich, thartaraich, A chuireadh anam anns na mairbh A dhol gu feara-ghleus gaisge leò. Stochd Chlann-Dòmhnuill dh’éireadh Le’n geugan ’s le ’m meanganan— B’ i sud a’ choille cheutach A b’ eugsamhuil, ’s bu cheannardaich’; ’N uair thàirneadh iad r’a chéile, Gach treubh dhiubh gu fearachail, ’S mairg a spioladh feusag An leòmhainn, g’a ghreannachadh: Bhiodh cinn a’s duirn ’g an sgathadh dhiù’-san Ann an dùiseal lannaireachd— Fuil ri feur-iomachd ’s ri srulladh Feadh nan lub’ ’s nan camhanan; Bhiodh lannan lotach, dù-ghorm, ’Cur smùidrich do cheannaibh Ghall, A’s caoidhrean truagh a’s rànaich ’S an àrfhaich gu gearanach. C’àit’ am bheil ’s an rioghachd Aon fhear-gniomh a thug barrachd oirbh; No ’bhrosnaicheadh chum strìth sibh, A mhìlidhibh bearaideach. Na tuirinn sgairteil, phrìseil, Do’n fhior-chruaidh nach fannaicheadh— Do ’m b’ àbhaist a bhi dileas, ’S nach diobradh ’na ghealladh iad. [TD 68] Gadhair-chatha theid mar shaighead Sios le’n claidh’ean dealanach, Nach toir athadh, no dad athais, Gus an sgath iad beallach rompa— Cuirp ’g an sgathadh, ’s cruaidh ’ga crathadh, ’S orra pathadh falanach, Cluinnear fead ur clàidh’ean, Truagh ghàir agus langanaich. Tha iomad mìl’ an Albainn Do gharbh fhearaibh fulasgach— Sliochd a’ Ghàidheil ghlais á Scota Thig deònach m’ ur cularaibh; Gu’n tig iad le rùn cruadail ’S gu’m fuaigh iad gu bunailteach, Ri teanachair gharg an leòmhainn, ’S r’a spògaibh dearga, fuileachdach. Togaibh leibh gun airc, gun easbhuidh, Taom fheachd seasmhach, cunnbhalach, Do laochraidh dheasa, shunndach, threiseil, ’Theid neo leisg ’s an iomairt-sgleo— Cha ’n fhacas riamh na suinn fo gheilt A’ dol ’an teas nan cumasgan: Teichidh iad o’r stròicibh, ’S o’r sròlaibh breac, duilleagach. GAISGEADH NAN GAIDHEAL ’S NA H-INNSEAN. Le A Mac Alasdair. Boineid a’s it’ agus Breacan an fhéilidh, ’N deis’ a tha sgiobalta ’Dhol anns an teugbhoil; Boineid a’s it’ agus Breacan an fhéilidh, [TD 69] ’S Clanna-nan-Gàidheal Ri guaillibh a chéile. Thainig sgeula gun mhearachd A nall thar nan cuantan, Mu threubhas nan gaisgeach Nach tais ri h-uchd cruadail: Luchd-dhìreadh nan creachan, ’S a shiubhal nan glas-chàrn— Le ’n éideadh glan, gasda ’S an fhasan bu dual daibh. Boineid a’s it’, &c. Gur bòidheach an còmhlan, ’S gur seòcail a ghluaiseas Luchd dhìreadh nam mòr-bheann, ’S luchd sheòladh nan cuantan: Le sgiath a’s le claidheamh, Le gunna ’s le daga— Le ’n osanaibh ballach ’S bròg bhar-ial gun ghuag oirr’. Boineid a’s it’, &c. Bha iad ainmeil ’s gach eachdraidh, ’S b’ e cleachdadh an sinnsear’ ’An àm bhi ’s na blàraibh Do nàmhaid cha strìochdadh: Gu luath-lamhach, cruaidh-bhuileach, Bras anns an ruaig iad, Gu’n d’ lean iad ri ’n dualchas, ’S cha chualas am mi-chliù. Boineid a’s it’, &c. ’N uair sgaoilte leibh bratach Ri crannaibh ré, dìreach, ’S a chluinnte gu tartarach Caismeachd ur pìoban: Cha chualas ’s cha ’n fhacas Aon fhin’ air an talamh [TD 70] A sheasadh gun athadh Roimh chrathadh ur pìcean. Boineid a’s it’, &c. ’N uair thòisich na Sepoys ’S na h-Innsibh ri dò-bheairt— Ri mort agus marbhadh, Le an-iochd gun tròcair; ’N uair ràinig na treun-laoich Gu’n d’ sgap iad o chéile. ’S gn’m fac’ iad gu’m b’ éiginn doibh Géilleadh do òrdugh Luchd bhoineid, &c. ’S iad na Réis’maidean ainmeil Bha thall anns an uair ud— Na Camshronaich Abrach, ’S na Cataich o thuath dhinn: Clann-Choinnich Cheanntàile, ’S am Freiceadan Gàidhealach, Gu’n d’ dhearbh iad mar b’ àbhaist, ’S gach àite, bhi buadhach. Boineid a’s it’, &c. Deoch slàinte nan gaisgeach Gu h-ealamh mu’n cuairt i— Le glainneachan stràchdte ’Dheoch làidir gun truailleadh: Gach neach leis nach deònach, Gu sunndach a h-òl as Cha suidh e mu’n bhòrd leinn— Gu’m fògair sinn uainn e. Boineid a’s it’, &c. NA FEARAIBH OGA. ’S meallt’ an cridhe tha ’n an com Aig na fearaibh òga; ’S milis an teanga tha ’n an ceann A mhealladh gach òg-bhean: [TD 71] Ged a bhios e ’n diugh an geall ort, ’S e air thìth do phòsadh, ’S ann bhios e ’màireach ann na làimh Air luing, ’s i ’dol a sheòladh. Ged a bhios, &c. Ach òganaich a tha mi ’cumha Dh’ fhàg thu ’d diugh fo leòn mi! Mheall thu mi mar mheall an t-ubhal ’Bhean bu mhotha sòlas— Gus an do mhiannaich i le ’sùil e ’N dùil nach robh e neo-ghlan: ’S e ’meas bu bhuirbe chaidh a thoirmeasg— Dh’ fhàg sud searbh gu leòir e. Gus an do, &c. Nach cealgach dhuitse bhi ga m’ chumail Anns a h-uile dòchas? Na’n géillinn-sa do d’ bhriathran blasd’ Cha tigeadh dad ri m’ bheò orm: Na’n géilleadh! ach cha d’ ghéill mi d’ chainnt ’S gach gealladh ann toirt sòlais; Ach ’n uair a theid mi as an t-sealladh— “’S coma leam an òinseach!” Na’n géilleadh, &c. N’am faiceadh sibh na fleasgaichean Is deis’ a théid an òrdugh— Am fiùran ’s bòidhche théid a mach Bidh maighdean dheas an tòir air; Ach dh’fhaoidte gu’m bi gaoid fo ’chois Nach taobh ri bean a còta— Mar bhuirb’ an eas o’n gharbh-ghleann chas, ’Toirt oilbheum deas gu leòir dhi. Ach dh’fhaoidte, &c. Gur blasda, briathrach cainnt nan gillean ’Tighinn o’m bilean bòdheach:— “Thréiginn mo chàirdean ’s mo chinneadh, ’S cha tillinn ri m’ bheò riu; [TD 72] A’s shiùbhlain leat, ’s cha ’n iarrainn spréidh, Na ’m biodh tu féin leam deònach!” Tha ’cheilg a’d’ bheul ’ga chur an céill, ’S e sud an sgeul tha còmhdaicht’. A’s shiùbhlainn leat, &c. ’S mòr a tha do dh’ amaideachd ’An aoradh na cloinn’ òige, ’S cha lugha tha do ’n amharas ’N an caithe-beatha gòrach! Bidh ’n teanga chiùin a’ labhairt ruinn, ’S am beul o ’m binn thig còmhradh— ’S an cridhe fionnar fada uainn, Cho luath ri gaillean reòte. Bidh ’n teanga, &c. Beannachd leat ’s gun mhairg a’d’ dhéigh, A’s taobh ri té is bòidhche; Mu’s tu féin a’d’ ghealladh ’thréig, ’S nach mi do chéile deònach. Mar bhàt air chuan, ’s i ’tarrainn uainn, ’S luchd m’ fhuath a’ cur nan seòl rith’; ’S do nàdur féin, mar ghaoth ro fhuar, ’S e ’tilgeadh uam a bhòichead. Mar bhàt air chuan, &c. MARAICHEAN NA H-ALBA, O’N BHEURLA. Le A. M‘I. A mharaichean na h-Alba, A dh’ fhalbhadh leinn le gairm, Fo’r brataich riabh bu dìleas, A sheas ri strìgh ’s ri stoirm; Le sròl a’ srannraich ’mach o thìr, ’Chur naimhdean sìos le buaidh, Agus siùbhlaibh thar nan sùgh ’Nuair is gailbhich’ smùid a’ chuain, [TD 73] ’S is fuaimneach, fada toirm a’ chath’, ’S is gailbhich’ smùid ’a chuain. Gu ’n eirich riochd nan treun- fhear Mar éibhlean o gach tonn! O ’n uaighibh uaine sàil’, Air ’m bu bhlàr dhoibh clàir nan long; ’S far ’n deachaidh Nelson treun do’r dìth. Gu’n las gach cridh’ gu’r gruaidh, ’Dol gu siùbhlach thar nan sùgh, ’Nuair is gailbhich’ smuid a’ chuain; ’S is fuaimneach, fada toirm ’a chath’, ’S is gailbhich’ smùid a’ chuain. Cha ’n fheum ar dùthaich daingnich’, ’S tùr-chaisteil chrann m’a tràigh, ’S ur siubhal-s’ air na sléibhtibh cuain ’S ur dachaidh buan air sàil’ Le tàirneanach o’r darach cruaidh, Theid tuinn a chlaoidh gu suain, ’S iad a’ rànaich gu tràigh, ’Nuair is gairbhe gàirich cuain; ’S is fuaimneach, fada toirm a’ chath’, ’S is gairbhe gàirich cuain. A’ bhratach bhuadhar, Bhreatunnach, Gu’n leum ’s gu’n las r’a crann, Gus ’dean uainn’ oidhche ’chruadail triall, ’S reul-sìth’ gu tìr nam beann. Bidh sin, a gaisgeach’ fairge! Ar ceòl ’s ar cuirm le ’r buaidh, ’S fuaim ar ciùil bidh mu’r cliù, ’Nuair dh’ fhàsas ciùin’ air cuan; ’S gun tuillidh toirm no teine cath’, Gun strìgh gun stoirm air cuan. [TD 74] CUMHA DO LEANABH GILLE. Le A. Mac Laomainn Gur mis’ tha fo mhulad Air m’ uilinn ’s mi ’m ònrachd, ’S mi ’caoineadh an lurain, Tha mi uime ro bhrònach; O ’n a chaidh thu ’s an tulaich, ’S am bheil tuille do d’ sheòrsa, Gur h-e sgeula mo dhunaich Nàch d’ fhuirich thu, Dhòmhnuill. ’S gur h-oil leam a thachair, Gu’n do ghlacadh cho òg thu, Leis an teachdaire dhàna, Gun chàirdeas do m’ dhòruinn; Thug á broilleach do mhàthar Thu, a ghràidh, gun chead còmhraidh; O! gur mis’ th’ air mo chràdh-lot, O ’n là chàireadh fo’n fhòid thu. Ormsa rug an fhras ghàbhaidh, ’N uair a chàireadh air bòrd thu— Ann ad bhradan geal lamh rium, Gun chàil ann ad chòmhradh; Gur h-i Nollaig mo ghreadaidh A leag mi le dòrainn, O ’n là chuir iad thu sìnte Anns a’ Chill, fo na fòidean. Bha mo chion air an leanabh A dh’ fhàs gu ceanalta, mòdhar; Riut a thogadh mo chridhe ’N uair a thigeadh tu ’m chòdhail: ’S tric a rinn mi riut mireag, Gu h-iollagach, ceòlmhor— Leam, a luaidh, gu’m bu mhilis Bhi gu minic ga d’ phògadh. [TD 75] Gu’m bi sud an t-sùil àluinn Bh ’aig mo phràpanach bòidheach— Beul bu mheachaire gàir’ thu, Pòg mur fhaile na ’n ròsan; O d’ shàiltean gu d’ mhullach, Bu leat urram na h-òigridh, ’S na ’m faigheadh tu saoghal, Bu tu gaol na ’m ban òga. Bu tu m’ abhull a’s m’ ùbhlan, ’S bu tu m’ ùr ros an gàradh, Bu tu mo chaineal ’s mo shiùcar, Mo chruit chiùil ’s m’ aobhar ghaire— Bu tu m’ aighear ’s mo shùgradh, ’S bu tu ’n ùr ghibht a chràidh mi, O ’n là chuir mi fo ’n ùir thu, Tha mi brùite fo ’m àirnean. Gur tric a’ tigh’nn am aire A liuthad car a bha d’ làmhan, Do lùth-chleasan beadrach, Ri cleasachd a’s àbhachd; ’Nuair a dheanainn do ghlacadh, Gu t-altrum, o d’ mhàthair, Bhiodh mo chridhe lan aiteis, ’Bhi macnus ri m’ ghràdh-sa. ’S cha n’ e t ’fholachd, no t’ uaisle, A ghluais thun an dàin mi, No tlachd a bhi ’g innseadh Mu d’ dhìslean, ’s mu d’ chàirdean; Ach a thoileachadh m’ inntinn Mar chuimhneachan bàis ort— Los gu’m faicinn, a rùin ghil! Do ghnùis mar ’an sgàthan. C’ uime tha mi cho gòrach ’S a bhi brònach ’ga d’ thuireadh, [TD 76] O ’n ’s e ’n Ti is fearr còir ort Thug dhuit òrdugh air imeachd, Dh’fhois na h-ùrach d’am buin thu, ’S an duslaich o’n d’ thàinig; ’S an t-anam gu rioghachd An Ti a thug fàs dha. Ged a tha mi ’n so ’làthair Ann an sgàile na feòla, Agus thusa gu sàbhailt’ Còmh’l’ ri h- Abr’am ’s r’a chòisridh,— Tha mo dhùil anns an t-Slàn’ear Gu ’n tàr e sinn còmhladh, Chum cliù thoirt do’n Ard-Righ Ann am Phàras na glòire. Tha mi nis ’an tiom sgur dhiot, O ’n a chuir mi thu còmhl’ ri Do pheathraichean àluinn, ’S do bhràthair bha bòidheach; Ach na’m faighinn-sa m’ àileas O ghràsan na tròcair, B’ e mo mhiann bhi riut sìnte ’N uair a chrionadh am fòid mi. ORAN AN IASGAIR. Hò mo bhàta laghach ’S tu mo bhàta grinn, Hò mo bhàta laghach ’S tu mo bhàta grinn, Hò mo bhàta laghach ’S tu mo bhàta grinn, Mo bhàta boidheach, lurach ’Thogadh taobh Loch-fìn’. ’Sud a’ chungaidh ’chàireadh ’M bàta ’choisinn buaidh, [TD 77] Druim de’n leamhan ruighinn ’N sàs ’s an darach chruaidh, Fiùghanan, ’us ùrlar Sùghta, fallain, buan, Giubhas glan na Lochluinn Fuaight’ le copar ruadh. Hò mo bhàta, &c. B’ àluinn air an tràigh i Mu’n deach’ i air sàil’— A leagail cho bòidheach Air gach dòigh a’m b’ àill, Urlar glan gun chaise— Saibhir, làn m’a bràigh’— Suighean dlùth ga dùnadh— Cuimir cruinn gu h-àrd. Hò mo bhàta, &c. B’ àluinn i ’na h-uidheam Mach ’s a’ chalamh chiùin Fèath nan eun mar sgàthan D’a croinn àrd ’s d’a siùil, Eòin na mara aoibhinn, ’S mar le farum ciùil, ’G itealaich mu’n cuairt dhi ’Cur an céill a cliùth. Hò mo bhàta &c. Bu thogarach mo bhàta ’Mach air aghaidh cuain, ’N uair thigeadh oirnn le caitein ’A ghaoth sgaiteach, chruaidh; ’S ann an sin, air thoiseach, Choisneadh tusa buaidh, ’G iarraidh suas ri fuaradh, ’S cronan binn fo d’ chluais. Hò mo bhàta, &c. ’Nuair dh’ éireadh i ’na meallaibh, ’S thigeadh oirnn le gàir, [TD 78] Na cnapan àrda, geala, ’S cìrein air am bàrr, ’S tusa thilleadh uait Na stuaghan ribeach, àrd, Rathad aca, ’s agad, ’S cha fhliuchadh tu clàr. Hò mo bhàta, &c. ’N uair thigeadh i ’na grìosaich ’Nuas o shliabh nam beann, Sìobain gheal’ ag éiridh Suas mu bhàrr nan crann, ’S tusa ’sin nach géilleadh; Ach ga h-iarraidh gann, ’Shadadh i bho chéil’ ’N a caoirean dearg mu d’ cheann. Hò mo bhàta, &c. Sud an té nach diùltadh Tilleadh ’nuair a b’ fheum; ’S tu ’thigeadh le sìnteig ’Nuair a dh’iarrainn féin, Do sheòl-cinn mu d’ chluais— Mu’n cuairt bhiodh tus a’d’ leum, Cliathach eile fodhad, ’S cuartag chruinn a’ d’ dhéigh. Hò mo bhàta, &c. Fhad ’s is maireann dòmhs’ Mo bhàta boidheach, grinn, ’S fhad ’s a chaomh’near slàn Na gillean gleusd ’tha innt’, Ged a tha mo dhachaidh Air a chladach luim Gheibh mi lòn, ’us stòr A grinneal gorm Loch-fìn’. Hò mo bhàta &c. [TD 79] BROSNACHADH BHRUCE, O’N BHEURLA. Le A. M‘I. ’Threun’ ’s tric le Wallace ’dh’ fhuiling creuchd! ’S fo Bhruce chaidh dàn’ gu àr nan euchd! Nis iarraibh hàs am blàr nam beum, No buaidh gu treun ’s an strìth! So latha ’chruais—an uair tha là’ir! Feuch feachd fo’n cruaidh air cluan an àir! A’ teachd le’n uaill gu buaireas blàir! A dheanamh thràillean dhibh! Cò thig do’n strìth neo dhìleas, claon? Cò dh’iarradh uaigh ach cluan an raoin? Cò strìochdadh sìos gu dìblidh, faoin Air cùl nan claon-fhear clìth? Cò ’n càs a rìgh, a riogh’chd ’s a reachd, Bheir beum nan geur-lann treun an gleachd Gu buaidh a’m blàr no bàs ’na bheachd, An gaisgeach leanadh mi. Ar truaighe ’s teinn, ar n-ainneirt chruaidh, ’S ar sliochd an sàs nan tràillibh truagh’; O’r cuislibh tràight’ air sgàth ar sluaigh, Thig saorsa bhuan le sìth! Biodh uaibhrich sleuchdt’ fo’r beuma bàis; Fear ainneirt dh’eug ’n uair ghéilleas nàmh, Tha saorsa fhéin a’m beum ’ur làmh, ’Ar n-aghaidh—buaidh no bàs san strìth! COMHAIRLE DO NA GILLEAN OGA. Le A. Mac Cuarraig. Horo Iain taobh rium fhin, A’s na bi ’strith ri h-amaideachd, [TD 80] Feumaidh mnathan uaisle Tì, ’S gur goirt an cinn mar faigh iad e. Tionndaidh rium a’s leugh a’ chòir, Tha mise deonach teannadh riut, Mu’s olc no math ’g am bi mo dhòigh Cha chluinn na h-eòlaich gearan uam. Horo Iain, &c. Cha’n iarr mi siùcar no Tì— Sròl no sìod’ a cheannach dhomh, ’Si obair mo dhà laimhe fhin Is cinntiche mi leanailt rium. Horo Iain, &c. Gabh thusa Iain a mhuir làn, Mar phàtaran s’ cha’n aireach dhuit, Ge b’ e cho fhad sa théid i ’n àird Gu’m faic thu’n tràigh an eal’achd ann. Horo Iain, &c. Sin mar bhitheas luchd na stràichd, Le’n curaichdean àrd ’s le ’n cailleaguth, Ni ’m pòsadh bochd an toirt gu làr, Mar shneachda bàn na gaillinne. Horo Iain, &c. An riomhadh ’cheannaicheas iad gu daor, An saoghal bheir e’n car asda, Bidh gùnn a’s gùnn ga’n cur fa sgaoil, Gu h-aodach do na caileagan. Horo Iain, &c. ’N uair theid iad a mach gu féill, Gur gann dhuit té dhiubh aithneachadh, Gu’n searg iad mar ni ròs na géig, Ri teas na gréin a dh’ fhannaicheas. Horo Iain, &c. “An uaisle bhochd gun chas gun làmh,” Tha’n dàn mar dh’fhàg an sean-fhacal, [TD 81] “Cha chuir e salann air a’ chàl,” Bi t-fhaicill trà’ mu’n lean i riut. Horo Iain, &c. An uaisle, ’bhochdainn, a’s an spòrs, Nan triùir a chòir na h-amaideachd, Ma gheibh a cheathrar ud ort còir Gur mairg bean òg a leanas riut, Horo Iain, &c. ’Nuair thig am bothan le ’chraos cam, Am màl, ’s a’ chlann, ’s a’ cheannachd ort, Bu taitneach dhuit a bhean ’san àm sin ’Thairneadh ceann an amuill dhuit. Horo Iain, &c. Bu mhath do bhean a bhi gun spòrs, Gun mhoit, na pròis, na, h-eallaich oirr’, Ma bhitheas an t-airgiod pailt na pòc’ Tha h-uile glòir a leanailt ris. Horo Iain, &c. An deise mharcachd gun an t-each, Co àrd nam beachd ’s co amaideach, Cha’n ioghnadh cogadh agus plàigh Bhi anns gach àit an tachair iad. Horo Iain, &c. Na ruffles gun sgillinn ’sa phòchd’, Na brògan ’s linnigh anairt annt; ’Toirt iasad á sgiath gach eòin, ’Se ’n dòigh am faod thu ’n aithneachadh. Horo Iain, &c, Tha ’n dreòlan donn ann as na h-eòin, An iolair mhòr ’s an eala ann— Tha ’n sgiathan féin a réir gach seòrs’ A leum ’s an dòigh am maith dhoibh e. Horo Iain, &c. Tha thus’ a’s mise ’réir a chéil’— Ar n-òr, ar spréidh, ’s ar seanairean; [TD 82] ’S mu gheibh mi each a ruith na réis Cho luath riut féin, nach lean mi ris. Horo Iain, &c. Do ’n uaisle cha tugainn beum Na h-àite féin, ’s cha teannain ris— Cha chliù, ’s cha ghliocas dh’fhear gun spréidh Bhi fòirneadh té a dh’aindeòin diubh. Horo Iain, &c. DO BHATA THIGHEARNA CHOLA. Le Iain Mac Ghilleain. Cha dean mi ’n diugh fàilte Ris a’ bhàta so ’tighinn, Bho nach bitheadh mo ghràdh oirr’— Fear àrd a’ chuil bhuidhe: ’Sin an tighearna dùchadh Chuireadh sunnd air mo chridhe, ’N uair a bhiodh e ’ga stiùradh, An àm na siùil a chur rithe. An àm na siùil a chur rithe, Bhiodh e ’na shuidhe ’ga stiùradh,— ’S e b’ urrainn a seòladh Gu còrsa na dùchadh: B’ e sin sgiobair a’ bhàta, ’S i air bhàrr nan tonn dù-ghlas, Gu gleidheadh an fhuaraidh ’S i ’ruith suas air gach sùgh dhiubh. ’S i ’ruith suas air gach sùgh dhiubh, ’S gu’m bu shunndach a h-astar,— ’N uair a rachadh i ’n òrdugh, Le còrcaich mar acfhuinn; Steigh a’s cupail mhath, làidir, Deadh chàbuil a’s acair,— [TD 83] ’S iad a’ tarruinn nam ball sinn, ’S fir air ceann gach aon slaite. Fir air ceann gach aon slaite, An uair a phaisgte ’cuid aodaich,— An àm an caladh sin fhàgail, Bhiodh iad-san ga sgaoileadh— ’N uair a thogadh i ’sgiathan Bhiodh a cliathach ri saothair,— Cha bhi ’n sgiobar fo chùram Ged a lùb e ’croinn chaola. ’S e gu’n lùbadh croinn chaola, ’S a bheireadh aodach bho ’slatan; Bu leis urram a stiùraidh Gu gleidheadh cùrsa mar chaiptein: ’N àm dha suidhe ’na chèabain, ’S a thàirneadh e ’chairt ann— Bha e eòlach ’s gach àite ’S an d’ thigeadh bàta gu h-acair. Cha ’n ’eil àite an d’ théid acair, Ann an caladh n’am beaigh, Nach fhaic e mu choinneamh Glan, soilleir, ’s nach leur dha: ’S tu bheireadh i sàbhailt’ Thar bàrr nan tonn beucail— ’N uair a thig a’ mhuir ghàbhaidh, Bhiodh do làmh ’s a’ chrann chéilidh. Bhiodh do làmh ’s a’ chrann chéilidh, Bu mhòr t’ fheum air ’s an àm sinn; ’S i dh’ fhalbhadh gu siùbhlach, ’S an riof cùil a bhi teann innt’ Bho ghuallainn gu sliasaid, ’N uair a dh’fhiaradh tu’n ceann i, ’S deas a thig i mu’n cuairt duit Ann am fuar shruth nam beann ud. Ann am fuar shruth nam beann sin, Ged bhiodh greann air gach linne,— [TD 84] Na’n gleidheadh i ’n criù dhuit Cha b’ fhiù leat a tilleadh; Ruith choip air gach bòrd dhi ’S tu ’toirt òrduigh’ do d’ ghillean— ’S i ghluaiseadh gu meamnach, ’S i ’cur fairge fo ’slinnein. ’S i ’cur fairge fo ’slinnein, Gu mireagach, bòidheach; ’N uair a gheibheadh i h aodach Bhiodh i aotram, gun mhòrchuis,— Bhiodh a toiseach ’sa gualla Ri bualadh nam bòc-thonn; ’S i gu’n sgoilteadh o chéile Gach aon diubh leumadh ’na còdhail. A h-aon diubh ’leumadh ’na còdhail Bhiodh i ’n connsachadh cruaidh rith’, ’S i gu h-àrdanach, aotram ’N uair a dh’éireadh i suas orr’; Gu’m bu bhinn leis an crònan A bhiodh ri bòrdaibh a fuaraidh; ’S i gu’n gearradh le séirein ’S iad ag éiridh le nuallan. ’S iad ag éiridh le nuallan, Ann sa chuan a bhiodh fiadhaich, Far an deanadh iad dùsgadh, Bho ’n ghrùnnd a bhiodh iargalt, Anns na sruithean bu làdir’, Ged ’bhiodh bàilin gun chiall ann Gu’n deanadh i fhàgail Gach bàt’ théid g’a feuchainn. Cha deach’ bàta g’a feuchainn A dheanadh oirr’ buidhinn, ’N uair a theid i le h-àlach, Na h-àsuig fo uidheam— ’N uair a sgaoileadh i ’cleòca, ’S a bhiodh a sgòid ann an ruigheadh, ’S i dh’ iarradh gach seòladh, ’S gu’n i còmhnard ’na suidhe. [TD 85] Gun i còmhnard ’na suidhe, ’S i ri guidhe na gaoithe, ’N uair a bhiodh i gu fulang, Air a h-uilinn ri gaoirich; ’S iad a b’ fhiach, thar gach duine, Fhaotainn urram nan saoraibh, A rinn a suas i cho ciatach ’S nach liath leis an aois i. Cha liathar le h-aois i, ’S cha chaochail i coltas,— Bu mhath leagadh na fiubhaidh Bha na h-urlar cho socrach: Am fear a rinn as a h-ùr i, ’S a dhlùth i le ’locair, Cha robh sgar dhith gun sùgh air— Leig e bùird thar a lotaibh. Leig e bùird thar a lotaibh Mu’n deanadh postadh e fhaotainn, Anns na cuartagan dù-ghlas, ’Thig le bùirein m’a h-aodan; Aig feothas a dlùthaidh Bheir i cliù do na saoraibh— Ged a bhiodh i ’muigh ràithe Cha téid làmh ’na pìob-thaosgaidh. Cha téid làmh ’na pìob-thaosgaidh Bho ’n tha saorsainneachd ghasd’ oirr’; Cha ’n ’eil calp innt’ gun lann air, Mu’n ceann air a chalcadh— Gach reang ’bha ’na cliathaich Ris a’ bheul air a sgathadh, ’S math a shnaidh e le thàl i, Ann an tàthadh a saithean. ’S ro mhath thàthadh a saithean, ’S i gun athadh do chuantan,— Deadh ghreim aic’ ’s an t-sàile Eadar shàil agus ghuallann: [TD 86] Tha gach maide ’s an iùbhraich Cho cumta mu’n cuairt di ’S ged a bhiodh i ’ga tionndadh Car ùin’ a’m beairt tuairneir. DUIL RI BAILECHAOLAIS FHAICINN, Air a’ cheud là do’n Fhogharadh, 1856. Le Iain Camshron. AIR—“Johnny stays long at the Fair.” LUINNEAG: O chi! chi mi na mòr-bheannaibh; O chi! chi mi na còr-bheannaibh; O chi! chi mi na coireachan— Chi mi na sgoraibh fo cheò. Chi mi gun dàil an t-àit’ ’s an d’ rugadh mi, Cuirear orm fàilt’ ’s a’ chainnt a thuigeas mi; Gheibh mi ann aoidh a’s gràdh ’n uair ruigeam Nach reicinn air thunnachan òir. O chi! chi, &c. Chi mi a’ ghrian an liath nam flaitheanas, Chi mi ’s an iar a ciar ’n uair luidheas i; Cha’n ionnan ’s mar tha i ghnàth ’s a’ bhaile so ’N deatach a’ falach a glòir. O chi! chi, &c. Gheibh mi ann ceòl bho eòin na Duthaige, Ged a tha’n t-àm thar àm na cuthaige; Tha smeòraichean ann is annsa guth leam Na pìob, no fiodhal mar cheòl. O chi! chi, &c Gheibh mi le liontan iasgach sgadain ann— Gheibh mi le iarraidh bric a’s bradain ann; [TD 87] Na’m faighinn mo mhiann ’s ann ann a stadainn, ’S ann ann is fhaid’ bhithinn beò. O chi! chi, &c. Chi mi ann coilltean, chi mi ann doireachan, Chi mi ann màghan bàn is torraiche, Chi mi na féidh air làr nan coireachan, Falaicht’ an trusgan do cheò. O chi! chi, &c. Beanntaichean àrd is àilidh leachdainean, Sluagh ann an còir is còire cleachdainean, ’S aotram mo cheum a’ leum g’am faicinn, A’s fanaidh mi tachdan le deòin. O chi! chi, &c. Fàgaidh mi ùpraid, sùrd a’s glagarsaich, Dh’ fhacinn na tìr an cluinnt’ a chagarsaich, Fàgaidh mi cùirtean dùinte, salach, A dh’amharc air gleannaibh nam bò. O chi! chi, &c. Fàilt’ air na gorm mheallaibh, tholmach thullachnach, Fàilt’ air na corr-bheanna mhòra, mhullanach, Fàilt’ air na coilltean, fàilt’ air na h-uile, O! ’s sona bhi ’fuireach ’n an còir. O chi! chi, &c. RANN DO’N RATHAD IARUINN, Anns am bheil an t-Inneal tarruinn air a choimeas ri Each. Leis an aon cheudna. FONN—“Beinnibheis.” Bha mi ’n dé leis an Each-iaruinn, ’S gu dearbh cha ’n iarrainn rithisd ’fhaicinn; Chuir e orm a leith’d do dh’ fhuathas ’S gu’m bi uamhas orm car seachduin: ’Leithid cha ’n fhacas ’s cha chualas A bhi ’gluasad air fòid Bhreatuinn,— Tubaisd air an tìr rinn ’àrach Ged b’ ann ’s a’ Ghàidhealtachd a bheirt’ e. [TD 88] ’S cinnteach mi gur beag a chaoimhneas, ’S gur iomadh sgaoim a tha e ’gabhail— ’S nach seachnadh e, ged b’ e ’m pàisde Bhiodh a’ màgran air an rathad: ’S mairg a gheibheadh breab d’a shàiltean Ged robh stàilinn air a bhathais; ’S ann bhi ’labhairt air ’n a luathas, Tha e luath ged ’s ann air ’athais. Cha ruig e leas ach tearc a bhiathadh, A’s cha ghabh e siol no cònlach; Cha chrom e ’cheann ’s cha chuir e beul Ged robh e ’dol roimh fheur ’s roimh fhòlach: Ma gheibh e deoch an dràsd ’sa rithisd, ’S mulchdan dubha ’chur ’na sgròban— Ni leth choltach ris a’ ghual A chuir air fuadach uainn a’ mhòine. Cha ’n iarr e cuinng a chur m’a mhuineal— Cha ’n iarr e drumanach no sìnteach; Cha ’n iarr e srian, no taod g’a stiùradh, ’S cha ’n ’eil cùram ’na dhol dìreach: Cha deachaidh briogais riamh m’a mhàsan— Amullan cha bhiodh e ’strì riu; Earball féin nach d’ fhàilnich riamh, A’s slabhraidh iaruinn, na tha dhi air. ’N uair a chuirear anns a’ bheairt e, Fanaidh e car tacain sàmhach, Gus an labhair am fear-iùil ris, ’Th’air a chùlthaobh ’s e ’s an àinich— ’Anail féin aige g’a mùchadh, Gus am bheil a bhrù cho làn di, ’S i a’ spùtadh mach troimh ’chluasan, ’Chor ’s gur h-uamhas a bhi làmh ris. ’N uair bhitheas gach ni an òrdugh— ’N sluagh ’n an cròi’leanan ’s na feunaibh— Beanaidh ’n t-iùil-fhear ris ’s a’ chruachan, ’Sa thiota’ gluaisidh ’n cruidh-each, steudach: ’S ann an sin a bhios an ùspairn, Air a ghlùinean ’s air a shléisdean— [TD 89] Meud an lòid a tha e ’slaodadh, Cò a shaoileadh leis gu ’n téid e? Ach ged ’chuireas e seal spàirn air Cha ’n e ’nàdur chaoidh gu’n géill e; Gluaisidh e na lùithean làidir, Ritheach, cràcach, cnàmhach, féitheach: Meud na spàirn a’ cur na smùid deth— ’Anail brùchdaidh e ’s na speuran, A’s bheir e sitir as cho cruaidh ’S gur cùis-uamhais do neach éisdeachd. ’S ’n uair a théid e ann a shiubhal ’Anail puthaidh e ’s na speuran— Uair cho dubh ri deathach àmhuinn, ’S uair mar cheò a’ Mhàigh air sléibhtean: Bheir e sitir as a rithisd, ’S ciod an sin a chuireadh éis air? Mar a luath’s is amhluidh ’spionnadh— Gur cùis iongantais gu léir e! ’S ann an sin a bhios am fuathas, Toirm nan rothan, fuaim nam feunaibh! Ciod air thalamh ’tha cho luath ris— Ciod ’s a’ chuan, no anns na speuran? Stoirm a’ Mhàirt cha chum air sealladh’ Gaoth no doinnionn cha chuir éis air; Mar ’eil an dealanach na h-aon ann, Ciod ’s an t-saoghal ’chuireadh réis ris? Chi thu craobhan, chi thu coilltean— Chi thu aibhnichean a’ tréigsinn; Chi thu achaidhean a’s raointean— Chi thu aonaichean a’s sléibhtean; Chi thu bailtean ann am plathadh— Amhuil gealach ri h-àm séididh; Thu ’dol seachad orr’ cho luath a’s Gur a bruadar dhuit gu léir e. ’S coingeis leis ciod e an rathad Ni e ghabhail leis na feunaibh; Oir cumaidh e a ghabhail dìreach, ’S cha ’n ’eil ni a chuireas éis air: [TD 90] Cha chuir càthar, cha chuir mòinteach— Cha chuir lòintean air-san éigin— Cha bhac aibhnichean a chùrsa, ’S cha ’n ’eil cùram dha gu’n géill e. Uair a tolladh troimh na bruachan, E ’g an spuacadh bho a chéile; Uair fodha, ’s uair an uachdar— Uair a’ dol troimh chruaidh nan sléibhtean— Uair a’ dian ruith shios fo’n talamh— Uair ’s an athar tha e ’g éiridh; Uair a’ tolladh fo na tighean— ’S uair thar bhailtean tha e ’leumnaich. ’N uair bhios e ’dol troimh na creagan, Gur cùis eagail thar gach ni e; Toirm mar sgàirneach o’n Cheum-éigin,* ’S tuil a’ reubadh chreag ’n am mìrean: Mar chomhthional nan tàirneanach, Oidhche ghàbhaidh ’n Gleanna-Comhunn; Na sradan drisleach thig o ’chruidhean Mar sholus iùil dha féin gu’m foghainn. ’N uair a chaillear e ’s na beanntan, Cluinnear sluagh a’ cainnt r’a chéile:— “’Saoil an tig e tuille ’n uachdar? Mo thruaigh’ an sluagh a th’anns na feunaibh!” Ach togaidh e a cheann bho ’n talamh, ’S crathaidh e dheth sal nan sléibhtean; A mhluidh sgarbh am measg nan tonnan, ’S coingeis doinnean no muir réidh leis. ’S ’n uair a thig e dlùth do bhaile Bheir e sgail as a bhios oillteil; ’S cinnteach mi gu bheil e pàiteach, ’N déigh a rànaich a’s a sgaoimrich; ’S cuirear strup cho garbh ri duine, ’Sios ’na shlugan, mar shruth aibhne; * “Ceum-éigin,” beinn ann an Gleann-Comhunn a th’air caitheadh le sgriodan, gus am bheil i air fàs cho tana ’s gu’m faodar a marcachd—cha ’n ’eil dòigh eile air faotainn eachad. [TD 91] Olaidh e an sin a shàth dheth, ’S cha bheag an làn a tha ’n a bhròin deth. E ’na shruthain dhearga, fhaluis, Ach cha ’n aithnich duine sgìos air— Leumaidh ’n t’ iùil-fhear air g’a mharcachd, ’S bad do dh’ ascairt aig’ ga shlìogadh: E cho ciùin ri bò a’m buaile ’N déigh na chuala tu mu dhéighinn: ’S mar h-e so an Lebhiàtan, Thoir an t-ainm is àill leat féin air. LUINNEAG DO ARTT MAC LACHLUINN. Leis an aon cheudna. Ol a h-aon, a’s òl a dhà dhiubh— Olaibh, ’s tràighibh i gu ’grunnd— Slàint’ an Lachlunnaich, an t-àrmunn, Air an éirich dàin le sunnd. Olaibh i le còrnaibh làna, Deoch is làidire na liunn; Caochan smearail, cruaidh bho ’n Tòiseach, ’S tric fo chròic a thug e dhuinn. O la h-aon, &c. Gur a tlachdmhor e mu bhòrdaibh, ’N uair bhios daoine còire cruinn— Dream d’an aithne cainnt gun fhòtas Gheibh iad ’òrain agus ’fhuinn. Ol a h-aon, &c. Gur h-e féin is géire focail, ’S gur maith ’eachdraidh air na suinn: Sloinnidh e fir threuna Lachluinn Cian air ais gu làithean Fhinn. Ol a h-aon, &c. [TD 92] Tha e urramach aig Gàidheil, ’S aig na Goill ro àrd an cùirt; Tha e caoimhneil, tha e bàigheil, ’S tha e àbhachdach mu bhùird. Ol a h-aon, &c. ’N uair a théid e ann a éideadh, Ann a fhéileadh preasach, grinn; Pearsa ghaisgeil, bheothail, lòdail, Calpa mòdhar, bòidheach, cruinn. Ol a h-aon, &c. Aghaidh ’s flathaile fo bhoineid— Boineid leathann, bhileach, chruinn; ’S colgarra a ghorm shùil mheallach, Fo ’àrd mhallaidh, mholaich, chruim. Ol a h-aon, &c. Gur a Gàidheal e gu ’mhullach, ’S e gun uireasbhuidh gu ’bhuinn; Ach ’s e ’chridhe mòr mar Ghàidheal Chumas ’ainm gu bràth air chuimhn’. Ol a h-aon, &c. ’N uair a chruinnichear gu fearra-ghleus Maithean Albainn air blàir luim, A measg Dhiùcan agus Mharcas Bidh Mac Lachluinn ann an suim. Ol a h-aon, &c ’S gu mu buan a mheal e ’n t-urram— Olaibh buileach i g’a grunnd— Slàint’ an Lachlunnaich, an t-àrmunn, Air an éirich dàin le sunnd. CRIOCH.