[TD 1] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] TREAS MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1875. [37 AIR. BLIADHNA MHATH UR. Bliadhna mhath ùr agus mòran diu—’s e durachd ar cridhe do gach Gaidheal, ge b’e aite am beil iad. Tha nis tri bliadhna gu leth o’n a chuir sinn a cheud aireamh de’n Ghaidheal f’ar comhair; agus an deigh a bhi bliadhna, le moran dragh, ’g a thoirt a mach an Canada, rinn sinn imrich do Ghlaschu, a chum ar leabhar a dheanamh na b’ airidh air fàbhar nan Gaidheal, na bha e comasach dhuinn a dheanamh air taobh thall a’ chuain. Tha sinn a nis air atharrachadh eile ’dheanamh a tha dochas againn a ni an leabhar na’s fiachaile na bha e roimhe so. Le dà aireamh dhubailte a chur a mach an deireadh na bliadhna ’dh’ fhalbh, tha sinn comasach air a’ bhliadhna a thoiseachadh le leabhar ùr a thig a mach á so suas, an Duneideann ’s an Glaschu, air toiseach gach mios. Tha sinn an comain ar cairdean lionmhor ’s an righeachd so ’s an duthchannan cein air son an cuideachaidh luachmhoir, ’s an deagh ruin d’ar n-oidheirp anns an am a chaidh seachad; agus cha ’n ’eil sinn gun aobhar dochais gu’m faigh sinn an cuideachadh agus an run ceudna ann an tomhas, eadhon na ’s saibhire ’s an am ri teachd. As aon ni tha sinn dearbhte nach lagaich ar dichioll-ne a chum an leabhar a dheanamh cho tarbhach agus cho taitneach ’s a tha e ’n ar comas a dheanamh. Bithidh e ’n cuimhne ar luchd-leughaidh gur e ’n run araid a bh’ againn ’s an amharc leis an leabhar so, a bhi toirt cothroim do na Gaidheil, ’n an cànain fein, air an eolas air Eachdraidh an duthcha, an cinnidh, ’s an cànain a mheudachadh; a bhi toirt seachad fiosrachaidh earbsaich mu ghnothuichean feumail an la diugh; air cothrom a thoirt do Bhaird ’s do sgribheadairean Gaidhealach ar latha fein am bardachd ’s am beachdan a thoirt fa chomhair an luchd-duthcha; agus gu h-araid, an da chuid anns a’ Bheurla ’s anns a’ Ghaidhlig, a bhi ’dearbhadh do’n t-saoghal nach ’eil an cinneach Gaidhealach ’s an la diugh, na’s mo na bha ’n aithrichean, suarach mu’n eachdraidh, mu’n cànan, no mu’n cliù. Tha e gu tric air aithris gu bheil coigrich na’s eolaiche air ar n-eachdraidh ’s air ar cànain na tha sinn fein; agus tha ’n radh ann an tomhas fior. Is ann ’s a’ Ghearmailt a gheobhar na sgoilearan Gaidhealach a’s fearr. Tha so maslach d’ar cinneadh; agus bu mhath leinn ar n-oidhearp a thoirt a chum am masladh a chur dhinn. Tha fios againn nach robh ar saothair, gu ruige so, cho soirbheach r’ ar run, agus cha ’n ’eil fiughair againn gu’m bi; ach cha ’n aobhar so gu bhi ’cur dhinn ar ’n armachd, ach gu bhi ’g ar crioslachadh fein as ùr. Is ann leis an run cheudna a bu mhath leinn an leabhar so a chumail air aghart, agus dh’ iarramaid air ar cairdean anns gach aite, an comhnadh, an comhairle, agus an [TD 2] cuideachadh. Bhitheamaid an comain gach aon d’ar luchd leughaidh air son an leabhar a thoirt fa chomhair an luchd-eolais; agus tha moran d’ ar leughadairean a bu mhath leinn a bhi ’n an sgribheadairean. Am measg ar sgribheadairean tha atharrach beachd mu thimchioll iomadh ceist chudthromaich a tha ’luasgadh inntinnean Ghaidheal a’s Ghall ’n ar latha; agus feudaidh e bith air uairean gu’n saoil ar luchd-leughaidh gu’m faic iad beachdan air an toirt air an aghart nach ’eil a reir am barail-san cothromach. Their sinn, a dh’ aon fhocal, nach robh, nach ’eil, ’s nach bi an Gaidheal, cho fad ’s a bhitheas an fhailm ’s an achlais ’s am beil i, de bhuidhinn seach buidhinn. Gun teagamh feumaidh gach sgribheadair a shaorsa fein fhaotainn air son a smuaintean a chur an cainnt; ach cha bhi ceist air am beil atharrach barail am measg Ghaidheal air a deasboireachd ’s an leabhar so. Air taobh na firinn ’s nan deagh-bheus—an aghaidh foirneirt a’s ceilg, seasaidh sinn gu daingean, a dh’ aindeoin co ’theireadh e; agus air son a’ chorr, bu mhath leinn a bhi ’meudachadh eolais ’s ag ardachadh cliu ar luchd-duthcha. Is ann a chum an t-aobhar so a chur air aghaidh, a tha sinn a nis, le mor-thaing air son gach fàbhair a fhuair sinn, ag iarraidh ás ùr soraidh mhath gach Gàidhil a leughas ar leabhar. FAILTE DO’N BHLIADHN’-UIR. Fàilte ’s furan do’n bhliadhn’-ùir, Le ’trusgan geal is sunntach greann, Dhùisgeas aiteas anns gach gnùis, A sgaoileas fleagh mu bhùird le fonn. Ged nach nach fhaigh sinn a bhi dlùth, Do ’r luchd-comuinn rùin ’s an am, ’S e ’n ciad làn a theid ’s a’ chuaich: Slàinte bhuan do Thìr nam beann. Tàmh am baile-mór nan tùr, Cha bu dùthchas dhuinn bhi ann? Far nach fhaic sinn fiadh air stùic, No bradan ùr ’g a thoirt á allt; Far nach cluinn sinn pìob air cluain, No gillean-callainn shuas an gleann.— Ach cuiridh sinn mu ’n cuairt a’ chuach, Dianamh luaidh air Tìr nam beann. Tìr a’ mhànrain, tìr a’ chiùil, Tìr nam fiùran nach robh fann; Ged tha ’n sliochd ’g an cur air chùl, Dhianamh ruim do chlann nan Gall— ’S ioma fàrdoch tha gun smùid, Far ’m bu shiubhlach fonn nan rann; Ach bidh an aigne blàth gach uair Ni iad luaidh air Tìr nam beann. Saoghal fada, maoin, a’s cliù, Do’r luchd-dùthcha bhos a’s thall; Dòirteadh beannachdan mar dhriùchd Gach bliadhn’-ùr thig air an ceann. Ged a sgaradh sinn ri luaths, Bidh ar càirdeas buan ’s gach am; ’S òlaidh sinn le caithrim chruaidh, Làn na cuaich air Tìr nam beann. N. MAC-LEOID. SEAN-FHOCAIL. I. CIOD IAD? Bithidh mi air uairean a’ smuaineachadh, an uair a bha ’n Saoghal na b’ oige na tha e nis, an uair nach robh iarrtasan an duine cho lionmhor ’s a tha iad air fàs, ’s an uair nach robh an sluagh a’ stri cho dian ’s a tha iad a nis ris na sean iarrtasan a shasuchadh agus ri iarrtasan ura a ghineamhuinn, gu’n robh an Cinne-daonna a’ mealtuinn toil-inntinnean luachmhor air nach ’eil sinne ag amas, no, mar bu choir a radh, ris nach ’eil sinn a’ fuireach. Gun teagamh, is mor agus is lionmhor na sochairean a bhuilicheadh oirnne a tha beo anns na linnibh deireannach so, air nach cuala ar n-aithrichean iomradh. Is luachmhor an dileab a dh’ fhag na ginealaich a chaidh thairis againne a thainig ’n an deigh. B’ fhialaidh a thaom ur n-aithrichean fallus an gruaidhe, agus gu tric fuil an cridhe a chum [TD 3] na beannachdan nach do mheal iad fein a bhuannachd d’ an cloinn. Tha na sochairean a choisinn misneach agus cruaidh-chas, eolas agus seirc ar sinnsearan dhuinne do-aireamh; agus bhiodh e eu-comasach a chur an ceill gach doigh air am bheil an Saoghal air a chur fo chis a chum sonas an duine a mheudachadh. Tha so a’ cur dleasdanais chudthromaich oirnne gu’n aisig sinn ’n an lan-thoirbheartas d’ar cloinn na tiodhlacan luachmhor a tha sinn fein a’ mealtuinn. Ach an uair a tha so uile fior, cha’n ’eil mi gun amhurus nach robh luchd-aiteachaidh an t-sean shaoghail, am measg iomadh anacothroim, a’ mealtuinn cuid de fhior shonas ann an doighean air nach ’eil sinne ruigheachd a nis. Cha ’n ann uile gu leir gun aobhar, tha mi meas, a bhitheas na Baird a’ treorachadh ar n-aire gu sonas na ‘tim a bh’ ann o shean.’ A dh-aon ni, cha toir a bhi ’beachdachadh ‘air an domhan ’s na bheil ann’ co-ionann toilinntinn do’n duine a nis, ’s a bheireadh e anns na ‘linntibh a threig.’ Dhuisgeadh an cruinne-ce faireachdainnean ann an inntinn an duine o shean nach eil comasach an diugh. Co-dhiu a chitheadh e ’chruitheachd ’s na laghannan a tha ’riaghladh innte mar bhalla iaruinn mu’n cuairt da ach an taobh muigh dheth, agus e fein mar mholl air a luasgadh leis gach oiteig,—gun fhios aige cia às no c’aite a bha ’thus no ’thriall; co-dhiu bha e ’g a fhaicinn fein mar chuid de’n chruitheachd mhoir, a’ tarruing beatha uaipe ’s a ’tiomnadh a bheatha dh’ i—le cheile a’ coimhlionadh an Dain ged bha an Dan am folach air; no co-dhiu a bha inntinn air a treorachadh gu bhi saoilsinn gu’n robh e ’faicinn ann an obair a’ chruthachaidh dearbhadh air lathaireachd Bith uile-ghlic agus uile-chumhachdaich ’n a shuidhe air Righ-chaithir na Cruinne, aig am bheil an Saoghal ’n a ghlaic ’s a tha ’g orduchadh gach ni a reir a’ ruin: bha ’n Cruinne-ce an comhnuidh ’n a aobhar-ioghnaidh, ’n a aobhar-uamhuinn, agus ’n a aobhar ard-thoilinntinn do anam an duine o shean, air dhoigh nach bi e gu brath tuillidh dhuinne. Gheibh sinn dearbhadh follaiseach air so ann an saothair nan sean Bhard. Gun a bhi ’dol seachad air priomh-Bhard ar duthcha fein,—c’aite am faigh sinn Bardachd ’s a’ Ghaidhlig a th’ air a lionadh le Morachd ’s le Maise a’ Chruthachaidh mar a tha ‘Bhardachd a th’ air a h-ainmeachadh air Oisean. Agus co-ionann tha Bardachd nan Iudhach, nan Greugach, ’s nan Romanach. Tha cumhachdan an t-saoghail fhaicsinnich agus neo-fhaicsinnich an da chuid ’g am brosnuchadh agus ’g an claoidh. ’S ann uapa a tha am beatha spioradail a’ teachd, ach tha ’bheatha ro neartmhor air an son; agus chi sinn iad ’g an sleuchdadh fein sios an lathair nan cumhachdan so. Tha gun teagamh an Aineolas a’ cuideachadh an t-sasuchaidh anma a tha iad a’ mealtuinn. Tha Diomhaireachd a’ chruthachaidh cho math r’a Mhorachd ’g an lionadh, ’s a’ dusgadh a suas an Spioraid gu h-urram agus gu h-umhlachd. Ach tarruing a thaobh am brat a tha ’comhdach na Diomhaireachd, thoir lochran an Eolais a steach do’n ionad naomha so, agus ruaigidh tu tuillidh a’s Aineolas—ruaigidh tu Spiorad na h-irisleachd, na h-umhlachd agus moran de Spiorad an fhior ghliocais. Cha ’n ann le anam lionta le h-urram agus le h-eagal a sheallas Feallsanach an la diugh mu’n cuairt da, no os a chionn. Cha ’n ann le bhrogan bharr a chos, no le bhoineid ’n a dhorn a sheasas esan aig dorus an tighe so “nach do thogadh le lamhaibh.” Cha’n ann;—ach sgeadaichte, uidheamaichte, tha e ’g eigheach [TD 4] an dorus fhosgladh a chum ’s gu’n rannsaich e ’n tigh,—gach cùil a’s oisinn deth. Bha ’n t-eolas so “ro-iongantach” le Daibhidh agus cho ard ’s nach ruigeadh e air; ach cha’n ’eil a’ chuis mar so dhasan air an do thaomadh gu pailt solus an Eolais agus a’ Ghliocais ’n ar latha-ne. Cha ’n ’eil gun teagamh, fios aige co leag Clach-oisinn an talmhainn; ach dearbhaidh e dhuit nach ’eil Clach-oisinn idir ann. Chuir e ’shnathainn-tomhais, cha ’n ann a mhain thar an talamh ach thar an iarmailt mar an ceudna. Chaidh e steach gu tobraichibh na fairge; chunnaic e ionmhasan an t-sneachda. Dh’fhosgail e mionach an talmhainn; rannsaich e doimhneachd a’ chuain; lean e slighe an dealanaich; cheasnaich e ’ghrian. Thug e air oibre Naduir gu leir an ionmhasan a thoirt am follais, ’s am fagail aig a’ chosan, a chum a bhi ’frithealadh do chomhfhurtachd an duine. Is mor agus is urramach an dearbhadh so air cumhachd buaidhean an duine an uair a tha iad air an deagh chleachdadh; agus is luachmhor a’ chreach a thug iad dhachaidh dha á tir an Aineolais. Ach an lorg so, chaill sinn, saoilidh mi, faireachdainnean a bheireadh toilinntinn a’s solas do’n anam. Ma dh’ fhairich esan a dhearbh gur iarann a’ ghrian an t-ardachadh inntinn a tha dligheach dhasan a bheir buaidh a mach, nach eigin gu’n do mhothaich e mar an ceudna nach ionann faireachdainn a dhuisgeas “ard-locharan na speur” an cridhe an t-sluaigh gu brath tuillidh, an uair a chithear i “mar fhear-nuadh-posda a’ teachd a mach á ’sheomar.” Anns na h-inntinnean is airde, cha ’n ’eil gun teagamh Spiorad an urraim no na h-irisleachd air a lughdachadh ach air a mheudachadh mar a tha eolas a’ dol am farsuingeachd. Tha e eu-comasach dhasan, anns nach eil Spiorad an Aoraidh marbh, a tha ’beachdachadh air gloir na h-iarmailt, ’s a tha ’creidsinn gu bheil gach reul a’s rionnag a chi an t-suil, agus na miltean do-aireamh nach faic, ’n an Grein a’ soillseachadh Saoghail gun chrich ann am farsuingeachd na Cruitheachd, gun a bhi ’g altrum beachdan na ’s airde agus na ’s soluimte mu thimchioll a’ Chruinne-che agus an Ti a chruthaich e. Cha ’n fhaic a’ leithid so de fhear anns gach fearann a theid a cheannsachadh ach crioch na tire neo-chriochnaich air nach do chuir duine fathast a chas. Ach cha ’n ann mar so a chi an Saoghal. “Millidh danadas modh;” agus faodar a’ radh mu mhoran gu’n lughdaich Eolas urram. Ach a ris, dh’ atharraich ar n-eolas, agus na h-innleachdan a fhuair eolas a mach, gu tur ar beachd mu thimchioll Morachd agus Greadhnachas an talmhainn. Cha ’n ionann beachd dhuinne agus d’ ar n-aithrichean air Astar, no eadhon air Tim. Thug innleachdan taobh eile an t-saoghail na’s dluithe dhuinne na bha ’n ath sgireachd d’ ar n-aithrichean. Siubhlaidh tu roimh ’n tir leth-cheud mile ’s an uair. Bithidh tu an Albainn an diugh agus anns an Fhraing am maireach. Gheibh thu litir á America na’s luaithe agus na’s saoire na gheibheadh do sheanair á Glaschu i. Gheibh thu fios air ais á Australia na’s luaithe na gheibheadh d’ athair as an ath bhaile. Cha ’n ’eil e duilich dhuitse snathainn-tomhais a shineadh air an talamh;—nach ’eil cearcaill de shnathainnean iaruinn thairis a’s thairis air, a’ giulan le luathas an dealanaich teachdaireachd o dhuine gu duine, o bhaile gu baile, ’s o rioghachd gu rioghachd; ’s nach ’eil so a’ tabhairt aobhair-dochais do mhoran gur goirid an uine gus am bi luchd-aiteachaidh an t-saoghail ’n am braithrean mar tha iad cheana ’n an coimhearsnaich; gus “am buail iad an claidhean gu coltairean, ’s an [TD 5] sleaghan gu corranaibh-sgathaidh ’s nach foghlum iad cogadh na’s mo.” Ach tha so uile ag ardachadh ar meas air cumhachd an duine agus ag isleachadh greadhnachas an talmhainn ’n ar suilean. Cha ’n ’eil eagal, saoilidh mi, gun dean an duine aoradh do fhiodh no do chloich gu brath tuilleadh; tha mor eagal gun dean e aoradh dha fein. Ach cha ’n e mhain gu bheil sinn air call faireachdainnean a bheireadh fior sholas do’n anam an lorg an eolais agus nan innleachdan a fhuaradh a mach; tha sinn a’ call moran de fhior shonas leis a’ chabhaig leis am bheil sinn a’ siubhal roimh ’n t-saoghal. Cha ’n ann le foighidinn a tha sinne ’ruith réis na beatha. Cha ’n ann a mhain ’n ar n-obair lathail a tha an dian stri so ri bhi air thoiseach air ar coimhearsnaich. Cha leor gu bheil ciocras do-shasuichte air a ghintinn ’n ar cridheachan air son a bhi ’deanamh storais, agus sinn fein a chuairteachadh leis gach comhfhurtachd a bhuannaichdeas storas dhuinn. Eadhon ’n ar dachaidhean, ’n ar uaigneas cha ghabh sinn socair. Cha ’n fheith sinn ri bhi sona. Tha sinn a’ feuchainn ri sonas fhaotainn ann a bhi ’n comhnuidh air ghluasad, ag atharrachadh o aite gu h-aite ’s o thoilinntinn gu toilinntinn; agus tha mi ’meas gu bheil sinn a’ deanamh cli. Gun teagamh cha bhi aon chuid an inntinn no ’n corp fallain gun ghluasad, no laidir gun obair; ach feudar an inntinn a sharuchadh cho math ris a’ chorp, agus ’s e mo bheachd gu bheilear ’n ar latha-ne anns a’ mhor chuid de’n t-saoghal a’ ruigheachd na h-inntinn ’s a’ chuirp tuillidh ’s a’ choir. A reir barail mhorain cha ’n ’eil sinn cho treun r’ar n-aithrichean an corp no ’n inntinn. Cha ’n ’eil iongantas ged nach ’eil. Cha lean an Sgoilear na’s mo na ’n Sionnach air sior ruith. Ach eadar co dhiu ’tha no nach ’eil sinn a’ saruchadh na h-inntinn le obair ghoirt, tha sinn, gun amhurus, ’g a milleadh le bhi ’sior chur innte. Cha ’n ’eil, gun teagamh, so cho fior an Gaidhealtachd na h-Alba, no am measg an t-sluaigh nach labhair ach Gaidhlig, ’s a tha e anns a’ chuid eile de’n rioghachd; ach ’s ann a’ dol na’s firinniche ’tha e gach latha. Ged nach leir do’n t-suil an gad a tha ’ceangal na h-inntinn ’s a’ chuirp, tha fios againn gu bheil an ceangal dlu; agus ceart mar a tha slainte ’s neart a’ chuirp air am milleadh ma dhinneas tu de bhiadh ann barrachd na ’s urrainn da ’chnamh, tha buaidhean na h-inntinn air an lagachadh ma bheir thu m’a coinneamh barrachd na ’s urrainn dh’i ’chnuasachadh. Gabhaidh goile na h-inntinn cho math ri goile ’chuirp milleadh le ’bhi sior chur ann. Bheir geocaireachd cho maith ri ocras do bhàs; tha gais cho cunnartach ri gort. Mu ’d lòn spioradail cho math ri mu ’d aran lathail tha ’n radh fior: “Is fearr sgur na sgaineadh.” Ann an oige an t-saoghail, ma ta, an uair a bha an inntinn a’ gleidheadh ceum ris a’ chorp, ’s a bha iad le cheile a’ siubhal roimh ’n t-saoghal air an socair; an uair a bha ’n t-suil a’ fuireach ri faicinn, ’s an inntinn ri breithneachadh; an uair a bha daoine a’ sealltuinn na b’ athaisiche na tha iad a nis mu’n cuairt doibh ’s an taobh stigh dhiu; an uair nach robh biadh cho blasda, tighean cho blath, eudach cho riomhach, eolas cho farsuing, no leabhraichean cho pailt;—bha, tha mi’meas, daoine a’ mealtuinn anns a’ bheagan thoil-inntinnean a bh’ aca sonas cho fior agus, ma dh’ fhaodte, cho làn ’s a tha sinne leis na cothroman do-aireamh a th’ againn fein. Anns na linntean so bha moran de theagasg an t-sluaigh air a thoirt seachad an Sean-fhocail no ’n Gnath-fhocail. Bha ’chleachd- [TD 6] uin coitchionn am measg gach cinneach air am bheil eachdraidh againn. Tha gach aon againn eolach air Ghath-fhocail Sholaimh. Am measg nan Greugach ’s nan Romanach bha moran de’n eolas agus moran de’n creidimh air aiseag o ghinealach gu ginealach air an doigh so. Agus am measg nan rioghachdan Eorpach eile bha ’chleachduin cheudna. Ach tha mi ’creidsinn nach robh sluagh air am bheil iomradh againn am measg an robh ’s am bheil uiread cumhachd aig Sean-fhocail ri Gaidheil na h-Alba anns gach aite an robh no am bheil iad. Tha fios againn gu’n robh a’ mhor chuid de fhoghlum nan Druidhean—ar luchd-teagaisg o shean—air a thoirt seachad an Sean-fhocail a bha gu tric air an cur an rann a chum a’ mheodhair a chuideachadh gu bhi ’g an gleidheadh air chuimhne; agus gus an la diugh chithear gu minic ’n ar glinn ’s ’n ar n-eileanan an oidhche gheamhraidh air a’ cur seachad ri taobh an teine le rann, sgeul, toimhseachan, a’s Sean-fhocal. Gu ma buan gach cleachduin o’m faigh an oigridh tuigse ’s toilinntinn o bheul an aosda! Is ann, mar bu trice, leis na daoine a bu ghlice ’s a bu gheire a chaidh na Sean-fhocail a chur ri cheile; agus am measg nan daoine a b’ fhoghluimte anns gach linn ’s anns gach aite bha iad air an altrum le mor-urram. Air Gnath-fhocail Sholaimh—an duine a bu ghlice a chunnaic an saoghal riamh—rinn sinn a cheana iomradh. Rinn an Greugach a b’ ainmeile ’n a rioghachd fein air son eolais ’us gliocais cruinneachadh de Shean-fhocail a dhuthcha. Tha dearbhadh againn ann am Bardachd an Ughdair is airde cliu a sheinn ’s a’ Bheurla air a’ mheas a bh’ aige-san air Sean-fhocail Shasuinn; agus rinn sgriobhadairean ainmeil uair a’s uair cruinneachaidh dhiu so. Ann an saothair nam Bard Gaidhealach chi sinn an cumhachd a bh’ aig Sean-fhocail thairis air na h-inntinnean a b’ urramaiche d’ ar cinneadh fein. Rinneadh cruinneachadh de na Sean-fhocail Ghaidhealach o chionn moran bhliadhnachan le deagh sgoileir—Mac-an-Toisich—ach cha ’n ’eil an leabhar a nis ach tearc. Chuala sinn le mor-aoibhneas gu bheil Gaidheal foghluimte—an Siorramh Mac-Neacail—a’ deasachadh clo-bhualaidh uir de ’n leabhar luachmhor so. Ann an duilleagan a’ Ghaidheil chunnacas o am gu am, agus tha sinn an dochas gu ’m faicear fathast, cuid de na Sean-fhocail a tha siubhlach am measg an t-sluaigh. Cha bhi e neo-fhreagarrach, ma ta, saoilidh mi, a bhi feoraich, mu dhoigh-chainnt a bha ’s a tha cho cumhachdach ’s cho coitchionn am measg dhaoine, ’s gu h-araid am measg Ghaidheal—ciod iad—ciod e an luach—agus ciod e an cunnart mar ghne-theagaisg? Ciod e Sean-fhocal? Aithnichidh gach aon againn e an uair a chi no ’chluinneas sinn e; ach cha ’n ’eil e cho farasda a mhineachadh do neach eile ciod iad na feartan a tha ’deanamh suas na doigh-chainnt so. Thuirt Sasunnach ainmeil a tha fathast maireann gur e Sean-fhocal ‘gliocas morain, ach geiread aoin;’ agus thuirt sean Ughdar Romanach gu bheil an Sean-fhocal mar an Seillean, ‘gu’m faighear a’ mhil ’s an gath ann an coluinn bhig.’ Gheibhear an so, tha mi meas, an da chuid mineachadh agus eisimpleir air Sean-fhocal; ach cha ruigear leas fiughair a bhi gu’n seas am mineachadh an comhnuidh fior. Cha ’n fhaighear Sean-fhocal, tha mi creidsinn, as eugmhais nan tri nithean so—Gliocas, Geiread, Giorrad; ach cha ’n ’eil mi cho dearbhta gu’n deanar suas e leis an tri a mhain. Mu ’m fas e ’n a Shean-fhocal is [TD 7] eigin gu’n gabh an Saoghal ris mar aon; agus cha bhiodh e duilich iomadh radh fhaotainn a tha glic, geur, a’s gearr, nach d’ fhuair fardoch am measg an t-sluaigh. Ach ma theid agad air firinn a thilgeadh ann am beagan de fhocail shnasmhor a ni greim air inntinnean dhaoine, air chor ’s gu bheil an fhirinn air a h-aiseag o bheul gu beul ad chainnt fein, ’s e mo bharail gu’m feudar a radh gur Sean-fhocal an fhirinn so. Ma bhitheas an radh air a thoirt seachad fo shamhladh, no an rann, no ann am focail a ni fuaim thaitneach do ’n chluais, bithidh e na’s dòcha gu’n gabh an sluagh ris, ach ma nithear a bheatha as eugmhais nan innleachdan so is Sean-fhocal e. Chunnaic sinn a cheana am meas a bh’ aig na daoine treun a dh’ fhalbh air a’ mhodh-theagaisg so; agus cha ’n aobhar iongantais ged a bha. Air an cur ri cheile leis na daoine a bu ghlice ’s a b’ fharsuinge fiosrachadh anns gach linn; air an tilgeadh an cumadh taitneach do’n t-suil ’s do’n chluais; chaidh an giulan air meodhair an t-sluaigh o dhuthaich gu duthaich, ’s o ghinealach gu ginealach, ged chaidh, mar bu trice, na blair a chuir iad, na fearainn a cheannsaich iad, ’s na h-ealaidhean a dh’ ionnsaich iad, gu tur a dhi-chuimhneachadh. Dhuinne tha na Sean-fhocail ro luachmhor. Gheibh sinn annta gu tric am fiosrachadh is earbsaiche air gliocas, gleustachd, beachdan, a’s creidimh ar sinnsearachd. Cha ’n ’eil cearn de thir an Eolais, no ach beag de rioghachd a’ Chreidimh nach eil iad a’ comhdachadh. Eolas mu’n chruthachadh ’s mu chuibhrionn an duine ann; eolas mu laghannan na h-inntinn ’s a’ chuirp; riaghailtean-stiuiraidh air son a’ ghluasaid anns gach dleasdanas dha fein, d’a choimhearsnach, ’s d’a Chruith-fhear;—agus so uile ann an cainnt shnasmhor, farasda ’thogail ’s a chuimhneachadh, a bheir toilinntinn cho math ri foghlum seachad. Cuid de na Sean-fhocail gheibhear anns gach canain ’s anns gach duthaich—fior luchd-aiteachaidh an domhain—a’ ruigheachd air ais gu tus ar n-eolais, ’s air falbh gu crioch ar n-aithne, a’ toirt dearbhadh laidir air firinn an Abstoil Phoil gu’n do ‘rinn Dia a dh’ aon fhuil uile chinnich dhaoine;’ cuid eile dhiu gheibhear duthchasach do’n tir so no do’n tir ud eile, a’ tarruing an cruth ’s an dreach o’n t-sluagh ’s o’n tir o’n d’fhuair iad am beatha;—ach gu leir ro-luachmhor dhuinne mar na tinneachan is treise anns an t-slabhraidh shiorruith a tha ’ceangal dhuthchannan a’s inntein an t-saoghail ann am bannaibh teann an Eolais, a’ Ghliocais, agus a’ Ghraidh. Ach luachmhor ’s mar tha na Sean-fhocail, agus measail ’s mar is coir dhuinn an comhnuidh an gleidheadh air chuimhne, cha ’n ’eil iad gun chunnart ’n an lorg. Tha ’n Sean-fhocal mar an Teine, ’n a dheagh Sheirbhiseach ach ’n a dhroch Mhaighstir. Ma ghleidhear ’n a aite fein e, tha e fiachail a’s goireasach—beathaichidh a’s geuraichidh e’n inntinn; ach ma bheirear an lamh-an-uachdar dha, cha dean e ach a claoidh. Mar tha eolas a’ dol am farsuingeachd, a’s mar tha laghannan a’s cleachduinean ura a’ faotaimn aite am measg an t-sluaigh, tha dleasdanais ura ag eirigh suas. An Sean-fhocal a bha fior mile bliadhna roimhe so, feudaidh e bhith nach ’eil e fior an diugh. An Sean-fhocal a tha fior ’s an Airde-Near, feudaidh e gun bhi fior ’s an Airde-Niar. Agus gu h-araid an radh a tha fior an aon seadh, is tric nach ’eil e fior ann an seadh eile. A thuillidh air so, tha mi ’meas gu bheil sinn anns a’ Ghaidhealtachd buailteach do bhi toirt barrachd uachdaranachd do na Sean-fhocail na tha ar coimhearsnaich na [TD 8] Goill. Cha ’n ’eil againne an cothrom a tha aca-san air foghlum fhaotainn á leabhraichean. Bha sinn riamh a’ faotainn na bu mho d’ ar n-eolas leis a’ chluais na leis an t-suil, agus bha moran de’n eolas air a thoirt seachad ann an Sean-fhocail. A ris, tha ’leithid de thlachd aig Gaidheil de gach ni a tha deas, cuimir, ’s gu bheil an cunnart ro mhor gu’n gabh sinn ri radh a thaitneas ruinn anns an rathad so, gun moran rannsachaidh a dheanamh mu ’fhirinn. Chuir sinn ann an Sean-fhocal ar n-earbsa á firinn nan Sean-fhocal thar cheann,—‘Ged dh’ eignichear an Sean-fhocal, cha bhreugraichear e.’ Tha ’leithid de bhuaidh aca thairis oirnn, ’s a’ leithid de dh’ earbsa againn ’n am firinn, ’s nach ’eil ni cho feumail dhasan leis am bu mhiann beachd ur a thoirt fa chomhair Ghaidheal ri cairdeas nan Sean-fhocal a dheanamh. Tha e air aithris mu Bhard ainmeil Sasunnach gu’n do mharbh oraid e anns an robh breith chruaidh air a thoirt air a shaothair. Cha ’n ’eil neach a leugh an Teachdaire Gaidhealach nach faca am mort a dheanadh an t-Olla MacLeoid leis na Sean-fhocail. Mar shlachdan-druidheachd nan sgeulachdan, bha iad an comhnuidh aig ’uilinn a chum cur as do gach namhaid a thigeadh ’n a charamh. Agus cha ’n ’eil aon againn nach faca, uair a’s uair, Deasbair eigin, leis an fhirinn ma dh’ fhaodte ’n a bheul, air a thilgeadh le aon de na saighdean cuimseach, basmhor so. Is claidhean da fhaobhair air an deadh liobhadh na Sean-fhocail. Gearraidh iad dlu, agus gearraidh iad glan. Ach is ann mu’n chuid is lugha dhiu a mhain is urrainnear a’ radh, mar theirteadh mu chlaidheamh Fhinn, ‘nach d’ fhag e riamh fuigheall beuma.’ Feuchaidh sinn o am gu h-am ri aon na dha de na Sean-fhocail Ghaidhealach a chur fo ghloine-amhairc dubailt’ a Sgrudaire, a bheir am fada am fagus, ’s a ni am beag mor, agus ri ’rannsachadh a mach, a reir ar comais, ann an solus ar latha fein ciod e ’n fhirinn a gheibhear fillte annta. D. M‘K. CUMHA. Cumha a rinneadh le Iain Mac-an-t-Saoir, Fear Chamus-na-h-Eirbhe, ’s a’ bhliadhna 1746, mu ’bhrathair, Donull agus a chairdean, a thuit Latha Chuilfhodair. Bliadhna Thearlaich, cha robh Donull ach ochd bliadhn’ diag a dh-aois. ’S ioma gille òg, fearail, ’s b’ ann diùbh esan a ghabh le dian-dheòthas am port so ’n a inntinn fhéin a’ bhliadhn’ ud:— Na ’m bithinn fhéin am shia bliadhna’ déug, Na ’m bithinn fhéin mar b’ àill leam; Na’ m bithinn fhéin am shia bliadhn’ déug. Gu ’m falbhainn fhéin le Teàrlach. Luchd nam breacan, luchd nam breacan, Luchd nam breacan sgàrlaid; Luchd nam breacan ballach, uaine, Dol mu Thuath le Teàrlach. Is tric leis na fleasgaichean a bhi ’gearan gu’m bi na màthraichean ’s an rathad. Cha do thachair sin do mhathair Dhònuill—is ann de na Seann-mhnathan còire, Gàidhealach a bhà i. An àite a mac a chumail aig an tigh, is ann a bhrosnaich i e gu éirigh leis a’ Phrionnsa, agus, na’m b’ éudar e, fhuil a dhòrtadh an aobhar na Rìgheachd. Is e éirigh a rinn e. Mar a bha e togail air, ruith a phiuthar amach ás a dheaghaidh a’ spìondh a fuilt, ’s shnaim i a da làimh mu theis-meadhoin, ag grìosad air fuireach aig an tigh. Spìon e putan òir ás a léine ’s thug e sid d’i mar chuimhneachan air; ’s tha sin fhathast ’n a bhall-sinnsireachd an teaghlach Chamus-na-h-Eirbhe. [TD 9] A réir coltais fhuair e leòn-bàis an Cuilfhodair. An deaghaidh a’ bhlàir fhuaradh leòinte ’s an àrfhaich e, le fear de Reisimeid Earraghàidheal—Caiptin Macan-t-Saoir Chinn-a’-Chraicinn. Dh’ aithnich esan ’fhear-cinnidh, ’s theirg e’n t-each aige fhein da gus an arfhach fhàgail. Bha e cho lag, fann ’s nach b’ urrainn da dol air muin an eich; agus dh’ iarr e mar fhàbhor air a’ Chaiptin a thaice a leigeil ri gàradh-droma bha faisg orra. Cha d’ fhuaras tuille innse-sgeòil mu dhéighinn. A reir coltais, dh’ éug e taobh a’ ghàraidh ’s rinn a bhràthair an cumha so dha. Chaidh e fhéin a leòn latha na h-Eglaise-brice, air chor ’s nach robh e comhla ri Donull an Cuilfhodair an uair a thuit e. ’S e an t-Urrramach Iain W. Mac-an-t-Saoir iarogha a’ bhàird a chuir gu m’ ionnsaidh e. Is ann aig athair fhein nach mairionn, an t-Ollamh Mac-an-t-Saoir, Aodhaire Chill-monìbheig, a dh’ ionnsaich e e.—GLASRACH. FONN—Latha Raon Ruairidh. Fhir a dhìreadh an fhrìth, Tha thu sìor-thighnn fosnear dhomh; ’S tha mi ’g ìnnse le fìrinn, Gu’m beil m’ ìnntinn fo smalan; Mu na dh’ fhuirich de m’ chàirdean Anns a’ bhlàr a bha ’s t-earrach; ’S nach d’ thàinig mo bhràthair, ’S e ’s cràitich’ tha m’ sgaradh. Tha mo chiabhan air glasadh, Tha mo leacan air mùthadh; Tha mo shùilean a’ sileadh, Tha chridhe bochd brùite: Mu na dh’ fhuirich de m’ chàirdean, Anns an àrfhaich ’g an rùsgah; ’S gur h-e mhiadaich mo phràmh, Gun fhios co chàirich an ùir orr’. Tha Sliochd Iain Mhic Ailein* Gu h-airtealach, pràmhail; Sid a’ bhuidheann bha rìoghail, Ged a dhìobair an càil iad; *Sliochd Iain Mhic Ailein, so called from John second son of “Ailein nan Creach,” the first laird of Callart. The Callart branch of the Clan Cameron is so designated. Tha Ailein a’s Iain Gun tigh’nn as na blàraibh; Agus mòran de’ n itean, Bu ghibht le fear-àitich. Tha ur Caipteana suairce, Gun ghluasad á Sasunn; Sid a’ ghnúis bu mhor cruadal, ’S d’ am bu dual a bhi sgairteil: Agus cridhe na féile, Chuireadh spéid air a’ bhrataich; Ged rinn e ’liubhairt do’n nàmhaid, ’S e ’n impis sgàineadh le masladh. Lath’ na h-Eaglaise-brice, Ghlac thu mhisneach bu dual dut; Ged a fhuair thu do ghearradh, Le neimhe na luaidhe: Cha d’ rinn thu sid innse, ’S ann bu spìd leat a luaidh riut; ’S tu ’g an cur air an aghart, Ann an aghaidh an fhuathais. Tha do bhaintighearna shuairce Dh’ fhìor fhuil uasal na h-Apann; ’S ged a fhuair thu ’n a h-òig’ i, ’S ioma dòigh th’ aic’ air glasadh: Bho’n chuir i ’m preasan a b’ ùire— Cha b’ e dhùthchas do Shasunn; ’S tric leann-dubh agus bròn A’ mùthadh neòil air a leacan. Ach, a Dhùghaill Choir’-uanain, Gura truagh leam tha d’ àros; Tha na làraichean fuara, ’S gun aon luadh air an àiteach: B’ i sid innis nan uaislean, Bha riabh truacanta, bàigheil; ’S an àm seasamh na còrach, Bha sibh dhòmhsa mar bhràithrean. Tha leann-dubh air do chàirdean, S’ gun ad bhràthair ach leanabh; Tha do pheathraichean truagha, Mo thruaigh! air an sgaradh: Ach ’s dorra do mhàthair, ’S ann d’ i is gnàth a bhi galach; A rìgh! ’s mòr a ceann-fàth air— B’ ùr àluinn a leanabh. Cha’n ’eil Diùc ann an Albainn, No gu dearbh ann an Sasunn; Nach iarrradh an t-oigeir Deas og bhi ’n a mhac dha: Ann an toiseach a thìme, Ghlac e ’n inntinn bha beachdail; Agus cridhe glan, rìoghail ’S a bhi dìreach ’s an aigne. Craobh de dh-abhul a’ ghàraidh, Chuireadh blàth anns gach téurmann; Ged a leagteadh gu làr i, Ann am blàthas a’ Chéitein: Bha a’ bhuille sid cràiteach, Dh’ fhàg sinn pràmhanach, deurach; Ach, ’s éudar fhulang na thàinig, Bho’n is fàinte Mhic Dhé e. [TD 10] Sguiridh mise ’g ur n-iomradh, No idir ’g ur n-àireamh; Bho’n a chaill mi na gibhtean, Nach tig gu la bhrath mi: Ged a thigeadh Righ Séumas, ’S ged a dh-éibht’ air gach sràid e, Ann an deireadh gach cunntais Bidh mo chùis-sa mar tha i. Fhir a dhìreadh na frithe, Tha thu sìor thigh’nn fosnear dhomh; ’S tha mi ’g ìnnse le fìrinn, Gu ’m beil sgìos ann am bhallaibh; Cha ’n e gearradh na luaidhe, Ged a bhuail i mi neimheil; Ach na dh’ fhuirich de m’ chairdean Anns a’ bhlar a bha ’s t-earrach. FIONN AN TIGH A’ BHLAIR-BHUIDHE GUN CHOMAS EIRIGH NO SUIDHE. La dh’ an robh Fionn mac Cumhail ’s a’ chuid eile de’n Fheinn anns a’ bheinn-sheilg, dh’ éirich cur a’s cathadh; ’s mu’n d’ fhuair iad an t-sealg a chur cruinn, thainig an an t-anmoch orra. Sgith, airtealach mar a bha iad, thog iad orra gu téarnadh gu baile. Mar a bha iad ag gabhail air an aghart gu trom, athaiseach, thainig iad air bothan fàs am bràighe glinne; agus ghabh iad gu tàmh ann. Dh’ fhadaidh iad teine ’s chaidh na gillean air surd gréidhidh; ’s gus am biodh an t-eunbhruich ullamh, thòisich iad air iomairt nan corn ’s air seanchus mu ’n àm bho shean. Chuir cuimhne air cliu an sinnsirean togail fothpa mar a b’ àbhaist; ’s thuirt iad uile cruinn-còmhluath, gu ’m b’ e mo thruaighe duine no beathach a thigeadh a chur dragh air an Fheinn an oidhche sin; no a theannadh ri tàir a thoirt do dh-Fhionn, An teis-meadhoin na bruidhne so, thigear maigheach chaol, ruadh a stigh; agus, gun fhiamh, gun umhail, cuirear car no dhà dh’i air a’ chagailt, ’s togar an luath mu na sparran; agus thugar amach oirre. Ma thug cha deachaidh sin air mhithapadh dhaibhsan—thug iad daoidh-leum amach ás a deaghaidh; ach chaidh iad ’n am bràth-cheò cho mor le dorchadas a thainig orra, ’s nach bu léir dhaibh a cheile. Lean Fionn ’s a dhà ghille dhiag i, a bhun ’s a lorg, thair gualainn a’ ghlinne, ’s cha do chaill iad sealladh oirre gus ’n a leum i stigh air sgùid de thigh ùdlaidh a thachair orra aig bun sithein. ’D e an tigh a bha ’n so ach tigh ‘a’ Bhlair-Bhuidhe,’ famhair a bha tighinn beo air tuirc-nimhe ’s air feoil dhaoine. Rachar a stigh, a’s gabhar sgial ach cha d’ fhuaras forfhais air a’ mhaighich. Cha robh stigh ach a’ bhean ’s i fuineadh: cha d’ thainig am Blar-Buidhe dhachaidh ás a’ bheiinn-sheilg. Thug i biadh a’s deoch dhaibh; ’s thuirt i gu’m b’ fhearr dhaibh a nise bhi falbh mu ’n tigeadh am Blar-Buidhe dhachaidh. Thuirt Fionn nach do theich iad romh dhuine riabh, agus nach dianadh iad toiseach de ’n Bhlar; ’s theann iad na b’ fhaide stigh. Feith ri dheireadh, os’ a’ bhean. Mar a b’ fhior; cha d’ fhuair iad iad fhein a shocrachadh ach gann, tra a dh’ fhairich iad stùirn-stàirn aig an dorus; co bha ’n sid ach am Blar-Buidhe ’s a ghillean, ’s torc-nimhe mor, fiaclach aigesan air a mhuin. Thug e crathadh beag mor air fhein a chur an t-sneachda dh’ e, ’s chuir e crith fo ’n ursainn ’s fo shuidheachan an tighe! Tha mi faireachdainn fàilidh fharbhalach romham, a bhean, co so th’ agad a nochd, os’ am Blàr. Dh’ innis a bhean na h-aoidhean a thainig air choimheadachd oirre bho ’n a dh’ fhalbh e. Amach do ghillean, ’Fhinn, a thoirt na h-eallaiche dhiam, os’ am Blàr. Cha d’ thug Fionn an an t-éuradh do dhuine riabh, agus cuirear sianar amach dhiubh far an robh am Blàr. Mu ’n gann a bha iad seach an stairsneach bhuail am Blàr slat-na-draoidheachd orra, ’s bha iad ’n an colbh-cloiche; ’s chuir e air taobh tuath an doruis iad a chur [TD 11] stad air a’ ghaoith-dheathaich. Dh’ fhag e ’n sin iad; ’s thug e fhein ’s a ghillean a stigh an torc. Cha d’ fhuirich iad ach ri robladh lomaidh a thoirt air, ’s chuir a’ bhean air e ’s a’ choire-mhór—’n a chlosaich mar a bhà e. Mu ’n d’ fhuair e ach goil a’s leth-ghoil, sparr am Blàr bior-na-feola ann, ’s bha sid aig air an ùrlar; ’s gun tuille dàlach shuidh e fhein ’s a ghillean mu ’n cuairt da. Gach cnaimh mar a chreidhmeadh iad, thilgeadh iad sid gu Fionn ’s gu ghillean. B’ olc a’ bhiatachd è, ach cha robh comas air. Bha Fionn ’n a thosd ’s ’n a chuimhne, ’s b’ ion da sin. An uair a bha ’n ròic thairis, ’s cha b’ fhada h-uige, dh’ iarr am Blàr-Buidhe an t-ubhal òir a thoirt a nuas gus an oidhche fhada gheamhraidh a chur seachad air Fionn. Thug i nuas an t-ubhal ’s thug i dhà e. Thòisich iad air a cheile leis an ubhal ’s ma thòisich, cha b’ fhada gus ’n a chuir am Blàr ás do ’n iomlan de ghillean Fhinn. Thuig am Blàr nach dianadh e an gnothach air Fionn fhein leis an ubhal, ’s thuirt e gu ’m feumadh iad dol a ghleachd. An dromannan a cheile gabhar iad; ach, ged a bhiodh iad fhathast ag gleachd, cha tugadh e glideachadh air Fionn. Tra a chunnaic am Blàr gu ’n do thachair a sheise ris, dh’ iarr e air a mhnaoi a’ ghreideal a chur air gus an rachadh casan Fhinn a gharadh, gur cinnte gu’n robh e fuar, ’s an oidhche chruaidh reòdhta bh’ ann; ’s dh’ iadh iad uile mu Fhionn (sin tra a thuirt e, ‘cha duine duine ’n a ònar), agus sparr iad air a’ ghreidil e gus ’n a loisg a chasan gu ruig na sléisdean. Bha e nise gun chomas suidhe. Leig am Blar rochd gàire as, agus spàrr e stob-na-feola romh a dha mhàs; ’s bha e ’n sin gun chomas éirigh no suidhe. Shaoil leis a’ Bhlàr gu’n robh e gun phlosg analach, ’s thilg e seachad ’s a’ chùil e. Cha robh Fionn riabh roimhe an gailc na bu mhò na so, ach, an uair a bha e eadar an t-éuradh ’s an aimbeairt, agus cuimhnichear e gu’n robh corn nam-fiùbh aige, ’s gu’n cluinnteadh e an cóig chóigean na h-Eireann. An uair a ghabh an tigh gu fois, mhàgair e mach gu dubh-balbh-sàmhach gu mullach cnuic a’s shéid e ’n corn trì uairean! Fad an ama so bha chuid eile de ’n Fheinn gu dubhach, déurach air tòir Fhinn, Cha d’ fhàg iad cùil no cial gun sireadh, ’s iarraidh-mhairbh aca air. Mu dheireadh thall, an uair a thug iad géill a’s dubh-ghéill chuala Diarmad donn mac a pheathar an còrn; ’s ma chuala cha bu rabhadh gun fhreagairt. Bha fhios aige gur h-éiginn-bhàis a bheireadh air Fionn a shéideadh. Thuig e gu’n robh an gnothach gu h-olc; ’s thug e bóid a’s briathar air a chlaidheamh nach rachadh biadh no deoch thair ’anail gus an coibhreadh e air bràthair a mhàthair. Thog e air, e fhein ’s a ghillean, ’s bu cham gach dìreach leotha thair chnoc a’s shloc, ’s ge b’ fhada bhuapa e, cha b’ fhada ’g a ruighinn iad. Fhuair iad Fionn ’n a dheòiridh truagh gun chomas éirigh no suidhe am fasgadh tuim. Dh’ fharraid Diarmad d’ e ciod a dh’ fhairich e. Is coma sin, osa Fionn; ’s dh’ innis e dha gach car mar a thachair: mar a mharbh am Blar-Buidhe na gillean, agus an droch ghiullachd a fhuair e fhein bhuaithe; ’s chomhairlich e dhasan tilleadh dhachaidh mu’n éireadh an cleas ciadna dha—gu’n robh esan mar a bhitheadh e co dhiubh. Bhóidich a’s bhriathraich Diarmad nach tilleadh e gus an d’ thugadh e mach an aichmheil; ’s gun tuilleadh a ràdh thug e tigh a’ Bhlàir-Bhuidhe air. Cha robh stigh ach a’ bhean ’s i fuineadh. Thug i biadh a’s deoch dhaibh ’s ghabh i an sgial. Dh’ innis i dhaibh [TD 12] gu’n robh am Blar-Buidhe ’s a’ bheinn-sheilg, ’s gu ’m fhearr dhaibh a bhi falbh mu ’n tigeadh e dhachaidh mu ’n éireadh dhaibh mar a dh’ éirich do dh-Fhionn. A roghainn biodh dhà, osa Diarmad, ach cha ’n fhalbh sinn gus an toir sinn a mach an aichmheil; ’s shuidh iad a stigh. Feith ri dheireadh ma ta, os’ ise. Cha robh iad ach goirid mar sin tra a dh’ fhairich iad stùirn-stàirn aig an dorus. Co bh’ ann an sid ach am Blàr ’s a ghillean, ’s torc nimhe mòr fiaclach aige air a mhuin. Thug e togail bheag mhór air fhein a chrathadh an t-sneachda dh’ e, ’s chuir e crith fo ’n ursainn ’s fo shuidheachan an tighe. Ghlaodh e, Tha mi fairachdainn fàillidh fharbhalach romham, a bhean, co so th’ agad a nochd? Dh’ innis a bhean gu’n robh Diarmad ’s a chuid ghillean. A mach do ghillean, a Dhiarmaid a thoirt dhiam na h-eallaiche, os’ am Blàr. Leum Diarmad e fhein amach; agus mu’n d’ fhairich am Blàr thall no bhos e mharbh e ’n darna leth dh’ e ghillean ’s chuir e turrach air tharrach iad air taobh deas an doruis mu choinnimh gillean Fhinn. Is olc an t-aoidh thu, os’ am Blàr. Mur fhaic thu na ’s miosa na sid dhiam mu’n tig an latha, na bi gearan, osa Diarmad; ’s gun tuilleadh bruidhne thug e stigh an torc. Ghréidh iad an torc gu math ’s gu ro mhath, ’s ghabh e fhein ’s a ghillean an leoir dh’ e. Gach cnaimh mar a lomadh iad thilgeadh iad sid do ’n Bhlàr ’s dh’ a ghillean. Is olc an t-aoidh thu, os’am Blàr. Mur fhaic thu na ’s miosa na sid dhiam mu’n tig an latha, na bi gearan, osa Diarmad; ’s dh’ iarr e an t-ubhal a thoirt a nuas gus an oidhche fhada gheamhraidh a chur seachad air a’ Bhlàr-Bhuidhe. Thug a’ bhean a nuas an t-ubhal agus thòisich an cleas. Air a’ chiad tilgeadh a thug Diarmad do ’n ubhal, mharbh e dithis de na bh’ air laimh dheis a’ Bhlàir. Is olc an t-aoidh thu, os’ am Blàr. Mur fhaic thu na ’s miosa na sid diam mu ’n tig an latha na bi gearan, osa Diarmad. Thilg am Blàr air ais an t-ubhal ach cha d’ rinn e dochunn sa bith air gillean Dhiarmaid. Thug Diarmad an t-ath-thilgeadh do ’n ubhal ’s mharbh e dithis de na bh’ air laimh chlìth a’ Bhlàir; agus mar sin gus ’n a mharbh e ’m fear mu dheireadh dhiubh; ’s am Blàr gun aon tàmh ag ràdh, Is olc an t-aoidh thu; agus amhuil sin Diarmad ’g a fhreagairt, Mur fhaic thu na ’s miosa na sid dhiam mu ’n tig an latha, na bi gearan. An uair a bha iad sgìth de chluith an ubhail-oir, thuirt Diarmad ris a’ Bhlàr gu’m b’ fhearr dhaibh dol a chur cuir gleachd; ’s ma chaidh, cha robh an gleachd fad air chumail an uair a bha am Blàr air claisneach a dhroma air leacan loma an ùrlair. Is olc an t-aoidh thu, os’ am Blàr, ’s thug e cnead ghointe ás. Mur fhaic thu na ’s miosa na sid diam mu ’n tig an latha na bi gearan, osa Diarmad, ’s dh’ iarr e air a’ mhnaoi a’ ghreideal a chur air gus an rachadh casan a’ Bhlàir a gharadh, gur cinnte gu’n robh e fuar an deigh tighinn dachaidh as a’ bhein-sheilg. Chaidh a’ ghreideal a dhianamh dearg; s’ thug Diarmad togail do ’n Bhlàr, ’s bha sid ’n a sgug buidhe air a’ ghreidil. Oiteag, oit, oit, os’ am Blàr. Gabh air do shocair e, osa Diarmad, creanaidh do chnaimhean buidhe air mu’n cobhair mis’ ort, ’s chum e air a’ ghreidil e gus ’n a loisg a chasan gu bun nan sléisdean. Bha am Blàr a nise gun chomas suidhe agus ghrad-sparr Diarmad stob-na-feòla romh chòrn a dha mhàis, ’s bha e ’n sin gun chomas éirigh no suidhe ’s thilg e air a shlisnich ’s a’ chùil e. Tra a bha iad seachd sgìth ag éisdeachd oiteagail a’ Bhlàir, rug Diarmad air sprogan air, ’s thuirt e, [TD 13] Am bàs air do mhuin, a bhodaich, ciod e d’ éiric? Am bàs air do mhuin, a bhodaich, ciod e d’ éiric, a’s tog dhinn brigh do chluith. Oiteag, oit, oit, os’ am Blàr, cha’n ’eil a dh-éiric agamsa ach cuach-ìocshlaint a tha am bun na creige ud thall agus leighisidh i Fionn. An uair a chuala Diarmad mu ’n chuaich, cha d’ fhuirich e ri tuilleadh chumhlaidean iarraidh—bu ro fhada leis a bha bràthair a mhàthar ’g a chuaradh aig bun an tuim, ’s chaidh e do ’n uamha. Thugar a’ chiad làmh air a’ chuaich ’s buailear leatha gu Fionn, ’s ionnlaidear a chréuchdan leatha tri uairean. A’ chiad uair dh’ fhàs a chasan gu ruig na glùinean; an darna h-uair dh’ fhàs iad gu ruig na h-aobruinn; ’s an treas uair bha Fionn gun chron, gun chiothrom, cho beò slàn ’s a bha e riabh! Rinn aon bhoiseag de dh-uisge na cuaiche geasan nan gillean a bhristeadh, ’s thug e am Blàr air. ‘A chulaidh-thruais,’ osa Diarmad ris, ‘Bóidich nach imir thu tuilleadh de gheasan no ’chleasan air an Fheinn. Bhóidich am am Blàr sid a’s ioma rud eile bharrachd; ’s thug Diarmad gu suairce dha fhein ’s dh’a ghillean an diol a dh-uisge na cuaiche, ’s ghabh iad an cead dh’e chéile. A dhianamh sgiala goirid d’e, lean a’ chuach ris an Fheinn, a’s dh’ fhàg mis’ aca i.—Revue Celtique, 1870. SGIALACHD NA TROIDHE Air a tionndadh bho Ghreugrais Homeir gu Gáidhlig Abraich, LE EOBHAN MAC-LACHAINN. V. DUAN. GNIOMHRAN DHIOMEID MHIC THID. Tha Diomed mac Thid ’g a dhearbhadh fhein mar chuiridh ’s a’ bhlàr so. Dh’impich Minerva, sgiath-dhìdinn Dhiomeid, Màrs gus an àrfhach fhàgail. Lotadh Diomed ’s an laimh le saighid a thilg Pandarus air, ach leighis Minerva e, agus chuir i mar gheasan air gun dol tuille an cinnseal nan dia; ach, na’m b’ e ’s gu’n teannadh Venus ri meachranachd, dh’ òrduich i dha dol gun eagal, gun fhiamh, ’n a cinnseal-se. Le doimheadas nach d’ rinn a shaighdean dìobhail air Menelaus no air Diomed, léum Pandarus do charbad Ænéais, agus buailear iad le cheile air Diomed. Thuit Pandarus ’s a’ chaonnaig, a’s leònadh Ænéas, agus ghlac Diomed na h-eich. Thugadh Ænéas a stigh do’n Tròidh, agus an teampull Phargamuis leighiseadh an leòn. Chaidh Mars an leisgeul nan Gréugach. An uair a chunnacas e tighinn chomhairlich Diomed do na daoine an ruaig a ghabhail. Thòisich Minerva air tilgeil na geilte air, ag cur an cuimhne dha, fhad ’s a b’ e an t-Aicheall làmh-fhéuma na Gréige nach robh a chridhe aig Tròidheach urad ’s asgailt a’ bhaile fhàgail; mhaoidh i air cuideachd nach bu mhac mar an t-athair e—Tide mòr a rinn a leithid de dh-éuchd an cogadh Thebeis. Tha Diomed ’g a thoirt fhein an uachdar, ag gabhail mar leisgeul gur h-ann a choimhlionadh a h-òrduigh fhein a bha e, gun d’ iarr i air gun éirigh an aghaidh nan dia. An sin ’s ann a mhol Minerva e air son ’uimhailtis, ’s rinn i suidhe ri thaobh ’n a charbad; ’s le sàthadh fearail de shleagh an laoich leònadh Mars a’s theich e as an arfhaich. An sin thug Pallas euchd a’s buaidh, Do mhor Dhiomed nan ruag bláir. ’G a thogail ard thair an t-sluagh, Los a chliu bhi buan gu brath. Bhruchd sruth teintidh bho ’bheairt-chinn, ’S las mu ’thargaid ghrinn nam beum, Dealanaich chlis ’n an dian chaoir, A shoillsich an raon gu leir. Mar rionnaig fhoghair nan speur, Ag eirigh bho’n ghailbhinn fhuair, ’S aillidh air gorm neamh a loinn, ’S i ur-nighte ’n tuinn a’ chuain. B’ amhuil an geal-dhearrsadh cian, ’G iathadh mu ’ghuailnean ’s mu ’cheann, ’N uair bhrosnaich Minerva ’n treun Gu garg bhuilsgein streup nan lann. Bu Troidheach Dares gun ghaoid, Reachdmhor a mhaoin, caoin a bheus; Fear-iobairt Vulcain ’s gach trath, Da mhac leis an spairn nan gleus, Phegeus a’s Idoeus og, Na Fiurain bu chorr ’s an strith. Thug iadsan ruathar romh ’n t-slogh, ’S thairg iad comhrag do’n mhor righ. Mharcaich iad air steudan luath, ’S deagh mhac Thid air cruaidh an fhuinn ’S an iom-chrith gu gaisge blair, Ghluais na h-oig an dail an t-suinn Thilg Phegeus an tus ’n a deann, Sleagh bu chian dhuatharaich crann, [TD 14] Sheachainn i Greugach nan glonn, Thair a ghualainn chli le srann. Thilg an sin mac Thid a chruaidh Nach d’ imich gun bhuaidh á ’dhorn; Buailear mu’n da chich an treun, ’S leagar bharr a steud gun deo. Leum Idœus ’n a thuil mhaoim A ’charbad bu loinnitreach dealbh, Bior-ghointe mu ’bhrathair-gaoil. ’S gun phlosg ann an laoch nan arm. Ach ’s beag nach d’ rinn gniomh gun ágh, A reic-san ri dan an éig; Mur b’ e feart Vulcain ’g a dhion, Le comhdach ciar nial nan speur, Thoirt misnich d’ an athair graidh, Los nach dearbht’ an crádh cho trom. Ghlac Mac Thid a chàraid steud, ’S dh’ ordaich iad gu sreud nan long. Chunnaic Troidhich nan euchd bras, Dosgainn mic an t-sagairt leith; Aon air teicheadh bho ’n bhlar shearbh, ’S aon fo charbad marbh air feur. Cho-ghluais a’ measgnadh ’s gach cliabh, Ioghnadh a’s fearg, fiamh a’s truas; Ach ghlac Pallas Mars air laimh, ’S thaisbein i ’s an radh a smuain: Areis shuain-mharbhaich nan creuchd, Nigheas dùin nan treun am fuil, C’uim’ nach tairneadh Troidh ’s a’ Ghreig, Le ’n neart fhein an gniomh gu buil? Imreadh iad fhein comhrag chruaidh, ’S gheobhar buaidh bho righ nan speur: Diobrar leinne strith nan laoch, Los nach taosg oirnn fraoch an de. Stiuir i ’n sin á teas a’ bhlair, Ares nam paidhe craiteach trom, Shuidh aig Xanthus nam bruach tlath, ’S dh’ eisd iad ri gaoir-bhais nan sonn. An sin chuir Greugaich Troidh ’n a deann, ’S chaisg gach ceannard laoch dha fhein. Thorchradh Odius mòr an tus, Le mac Atreuis iul nan treun, ’S e tionndadh a steud gu taobh. Romh ’n sgrios chiurraidh ’n a mhaom-ruaig; Bhuail e ’ghlocach cul an t-suinn, ’S tholl romh ’n uchd bho’n druim le fuaim. Triath nan Alisonach garbh, Mach á charbad thuit gun deò; Shlintrich na buill phrais mu ’chom, ’S dh’ fhalbh an sgail gu fonn a’ bhròin. Mharbh Idomen Phæstus corr, Iarmad Bhoruis bu chian cliu, Air ùr theachd gu magh a’ bhlair, Bho chrìch Thairne nan gorm lùb. A mhiann grad-shuidh air a steud, Los bhi shios a leum ’s a’ ghreis; Thainig fad shleagh nan creuchd trom, ’S bheum i ’n sonn ’s a’ ghualainn deis: Thuit e marbh á charbad nuadh, ’S dhùin uime nial fuar an aoig; Dh’ iath an luchd-freasdail mu’n chairbh, ’S réub iad dh’i na h-airm ’s am faobh. Thuit Scamandrius bu mhath sùrd Feadh nan stùc a shealg an fhéidh, Menelaus mharbh an t-òg, Le shleagh mhòir bu stròiceach béum. Nochd Diana cèird a làmh, Do’n chuimseir a b’ àirde miagh A’ lot gach faoghaid le ’ruinn A dh’ àraicheas coill nan sliabh. Beag tairbhe do ’n fhleasgach àigh, Cèird Diana nan luath chalg Cuimse lamh air bac nan sron An gniomh sonraicht’ a sgaoil ainm Menelaus ’g a ruag dlùth Nach d’ fhas fann air cùl nan sleagh. Thilg e ’n a dheigh le fios bàis, An gath treun bu chràiteach blagh, Eadar dà shlinnein an òig, ’S romh uchd garbh chaidh cròc nan ruinn: Thuit e gun phlosg air an leirg, ’S chluinnteadh gliongraich airm an t-suinn. Thorchuir Merion le chruaidh chaoil, Phereclus mac saor-nan-long, Làmh a bha teom’ air gach gnìomh ’Chunnacas riabh ’g a dheilbh air fonn. Aig Pallas bu mhòr a thoirt; ’S rinn cabhlach an toisg thruaigh A dh’ aisig gu Tròidh, ’s dha fhein Aobhar millteach nan creuchd buan. Bu bheag fhios air run nan dia; Dhruid ris Merion ’g a dhian-ruag, ’S esan a’ deann-ruith le geilt, Lot e bhòdhan deas le chruaidh. Romh shoire ’n uisge fo’n chnàimh, Shiubhail gloc nan àr le srann; Thuit ’s an raoicich air leth-ghlun, ’S an ceo sìorruith dhuin mu ’cheann, Mharbh Meges Pedæus bras, Mac Atenoir bu ghasd iul, Ged rugadh romh ’n cheangal-phòst’ Thog Theano ’n t-òg le muirn. Ceart amhuil a maca ruin, Stiuir i ’m fiuran ’s gach deagh-bheus, Mar urram do ’n ghaisgeach àigh, D’ an d’ thug i buan ghràdh a cleibh. Dhruid ’n a choir mac Philcuis treun, Bu mhor euchd an streup nan ruinn; Thilg e trom-ghath nam beum dluth, ’S bhuail e ’m fuirbidh ’n cul a’ chinn, Ghearr romh ’n teanga an searbh bhall. Eadar fhiaclan le srann fhuaim. Thuit esan ’s an dust fo’n chreuchd, ’S ghlais e dheudach mu ’n chalg fhuar Fhuair sagart Scamandeir eug Bho neart mhic Ethemoin chorr, Sìol Dholophioin nan àrd euchd, Dhearbh e urram dé bho’n t-slogh. Bha ’n Greugach ’g a ruag ’n a leum [TD 15] ’S e grad-theicheadh romh’n bheum ghoirt Bhuail garbh-strailleadh le ’lainn, ’S sgar e lamh an t-suinn bho ’chorp; Thuit e ’n a spaid air an raon, Dhoirt an fhuil ’n a caolas luath; Leag an trom bhàs e ’s an uir, ’S bhruchd mu ’shuilean mar mhuir ruaidh. B’ amhuil confhadh nan garg laoch. A’ dian chaonnag ’s a’ chruaidh ghleachd; Chiteadh Diomed ’n a dheann-chaoir, A’ steud-leum ’s gach taobh de’n fheachd. Thall ’s a bhos mu’n Ghreig ’s mu Throidh. Am buillsgein a’ chomhstrith ghairg; Sear a’s siar bho thùs gu déis, Bha torunn an trein ’s an fheirg, Mar mhor-shruth geamhraidh nan sian, A’ barcadh gu dian romh ’n fhonn; Drochaidean daingean nam bruach, ’G an sguabadh le neart nan tonn; Drochaid no bruach, ’s dearbh gur faoin, ’N uair ghrad-thaosg maom nan beann. Leir-sgrios air garaidhnean-fion’ Barr na bliadhna ’g a thur-chall. Iobh a’ dortadh nam bruchd luath, Dh’ fhagas gniomh gach sluaigh gun fheum; Sin mar ghluais an Greugach àigh, ’S a dh’ fhasaich e ’m blar gu leir. Mac Licàoin a b’ ard glonn, Bheachdaich air an t-sonn ’s a’ ghnìomh, A’ dith-mhilleadh neart an t-sluaigh, ’S Troidh ’g a fuadach le ruaig dhian. Ghrad-chuir e saighead an crois, Los a lot ’s e teachd ’n a dheann; Bhuail an iuthaidh ’ghuala dheas, ’S shiubhail romh’n deis airm le srann. Reubadh an uchdach mu ’chliabh, Le luath chalg a b’ fhiadhaich guin: Shath na gloic iarainn ’s an fheoil, ’S mu’n ghorm mhaillich dhoirt an fhuil. Mac Licàoin bu mhor buaidh, Dh’ eubh an cluais an t-sluaigh gu leir:— Fheachdan Troidheach nan steud fionn, Bruchdamaid a null gu gleus. Thorchradh leinn ciad laoch na Greig’: Dearbham gur dluth eug do ’n t-sonn, Cho ceart ’s a rinn dia nan calg, Mise mhosgladh gu garg-chonn, Labhair e, ’s bu diomhain ’uaill, Lot a’ bhais cha d’ fhuair an treun. Bu bheag ’fheairt air calg a chraidh, ’S cha diobradh a lamh an t-euchd, Ghluais an gaisgeach le ceum-cuil, ’S sheas e dluth d’ a charbad nuadh. Dh’ iarr e grad-thuirling gu lar, Air siol-Chabain nan arm cruaidh: A Steneluis mheanmnaich mhoir, Grad bhi nuas, dean foir am fheum; Dearc air mo ghuala le toirt, ’S tarrainn á m’ lot gloc nam beum. Thug Stenelus iasgaidh geill, ’S bharr nan steud, bha nios air lom: Spion e á gualainn an t-suinn, Calg nan ruinn bu neimhneach toll. Bhruchd an fhuil ’n a coilchibh ruadh, Sios le maillich nan dual breac; ’S thairg mac Thid an urnaigh ghearr Do dh-ard bhan-dia nan treun fheachd— Eisd rium, inghean ti nan spéur A Phallas d’ an reidh a’ bhuaidh, Ma dhìdinn thu m’ athair gràidh, No mhac cliùiteach an dáil chruaidh. Nise, nise, Phallas ghaoil, Seas ri m’ thaobh ’s cuir lùs am dhòrn: Stiuir gu neart mo shleagh a ’n laoch A thilg an gath caol gu m’ leòn, ’S e ’sìor-uaill am measg nan cliar, Nach fhaic mi chaoidh grian nan spéur. O! leag-sa sìnte e fo m’ leòn, ’S a’ phlosgail le spàirn an éig. B’ i sid ùrnaigh ’ghaisgich fhéil: Dh’ éisd Minerva ’s thuig mar dh’ iarr, Dh’ fhàg i gach ball mèinneil, ur, Aotrom, eangbhaidh gu dluth ghnìomh. An sin chuir i cagar ’n a chluais: Mosgail suas, a mine an t-suinn. Dearbh do neart an cruadal gleòis, A’s nochd do Thròidh miad do shuim. Meanmna d’ athar bu mhòr loinn, Dhòirt mise ’s gach roinn de d’ chreubh; Cuimhnich Tìd nan cruibh-each luath, ’S duisg gach buaidh bu dual do ’n tréun. Gach smal feola ’dhall thu ’n tus, Fuadaichims’ air chul gu léir, Measg chlann-daoine ’n iorghaill chruaidh, Chì thu flaithean buan nan speur. Ni d’ an eirich sear no siar, Na fagar aon dia gu h-euchd. Bi cinnteach nach gluais thu m’ fhearg, Far nach dian neart talmhaidh feum. Ma thig ort Venus nan gradh, Torchuir le d’ staillinn chaoil,— Sin mar thuirt Pallas nam blar, ’S an grad phriobadh dh’fhag i ’n laoch. Ghluais an sin mac Thid an àigh, Le sgrìb ghabhaidh ’n tus nan slogh; Tri fillte bha chonn ’s a fhraoch, Gu ath-chaonnaig ri neart Throidh. Mar leomhann riabhach bho ’n uaimh, Acras ’g a bhuaireadh gu feoil, Thair mainnir aird, uir nan geug, Air leum am measg treud a’ chro; ’S dìomhain ma thilgear air calg, Feargnaichidh an lot a’ bheisd; Am buachaill’ air bhall-chrith aoig, Teichidh fhad ’s a dh fhaodas slan: ’S millteir spogach nan tosg cruaidh Ag cur neart na buaile fas. Doirtear muin air mhuin an t-al, ’N am fuil marbh air blar an fhuinn. Leumaidh e ’n sin ’s a bhru lan, Le buaidh thair a’ gharadh chruinn. Sid mar rinn mac Thid an t-ar. [TD 16] ’N a chaoir-mhaoim feadh bhlar na Troidh’: Thuit Astinous fo ’laimh threin, ’S deagh Hipenor iul nan slogh; Thorchuir an t-sleagh fear mu’n chich, ’S bha fear sinte fo lainn mhoir; Sgath i ’n trom ghuala bho ’n chorp, ’S thuit esan fo ’n lot gun deo. Chunnaic e ’n sin Abas corr, ’S Polyidas og nan gleachd; Da mhac Eurydamais leith, Faidhe-bhruadar bu gheur beachd. Cha d’ fhoillsich e brigh an dain ’N am triall dhaibh gu blar nan sonn; Fhuair iad bho ’n deagh Dhiomed eug ’S thuit na laoich fo chreuchdan trom. Xanthus, Thôon thuit ’n an deigh, Mic iad sid do Phænops caoin; Dh’ fhag iad an seann athair graidh, Gu h-anfhann a’ spairn fo’n aois: Mac eile cha d’ fhuair an laoch, D’ an tiomnadh e mhaoin s’ a dhuil: Bhuail mac Thid am beum gun àgh, ’S mhill am bas na gallain ur. ’S craiteach guin an athar thruaigh, Nach till a dha luaidh na’s mò; Aois a’s tursa bhuan ’g a chnamh, ’S roinn aig càch air an t-seilbh mhòir. Fhuair e ’n sin dà fhleasgach òg, ’S an aon charbad taobh ri taobh, Bu chlann iad do righ na Troidh’ ’Siubhal sìos gu còmhraig laoch. Mar leomhann béucach ’n a dheann, A’ saighdeadh romh sgann nam bò, Damh no tarbh an sàs air ghial, ’S ’g a ghrad-riasladh le chrom dhòid? Sin mar thilg e bhàrr nan each An da og, ’s a ghlac e m faobh; ’S dh’ òrduich e gu sréud nan long, Na stéudan thair fonn an raoin. Æneas thug aire do ’n t-sonn A’ tilgeadh reang bun os cionn; Ghluais e romh sgreadail nan lann. Romh stoirm shrannraich nan cruaidh ruinn. Dh’ iarr a’s fhuair e ’n neach bu mhiann, Mac Licàoin Triath gun cheal; Dhluthaich e gu teann ri thaobh, ’S ghrad-chuir ceist air laoch nam fear: A Phandaruis, c’ e do chliu, Do bhogh’ ur ’s do shaighdean luath. Cinnt’ do làmh gun seis’ air féum, Mu ’n d’ rinn Lycia gu léir uaill? Dh’ ionnsaidh an fhir ud leig deann, Ma ’s bàsmhor a th’ ann ’s nach dia, A ghluais an diugh olc a’s bàs, Nach d’ fhiach rium cho cràiteach riabh. Ma ’s aon a thuirling bho’n spéur, Gu’r léireadh mu dhearmad faoin, Iarramaid le umhlachd sìth, ’S eaglach an nì dia fo fhraoch. Fhreagair mac Licaoin ghéir:— Ard Ænéais iuil na Tròidh’, Samhlaichim an laoch ’s gach ni Ri deagh Dhìomed nan gnìomh còrr. Aithnighim a sgiath ’s éideadh cinn, ’S seang-eich luthmhor an t-suinn bhrais. Ach ’s beag m’ fhios nach dia bho’n spéur, A thaosg oirnn an léir-sgrios cas. Ma’s neach daond’ e réir mo ràdh, ’S dearbh gur mac Thìd nan sàr ghlonn; Gun dia bhi cur neart ’n a làimh, Cha’n imreadh e’n t-àr cho trom. Tha flath neo-bhàsmhor ’g a dhìon, ’S còmhdach nan gorm nial mu ’chom, Ged thig fras shaighdean ’n an léum, Airsan cha druigh béud bho ruinn. Thilg mis’ air le m’ iuthaidh chruaidh, Bhuail mi guala dheas an tréin, Spealg mi ’n uchdach phrais mu ’chliabh, ’S shaoil leam nach bu chian an t-éug; Snisneachadh cha d’ rinn a chorp, ’S ann a bhrosnaich mi ’n saoidh garg; ’S cinnteach leam gur dia bho’n spéur, ’S uaibhreach éuchdan, ’s millteach fhearg. Gun each, gun charbad ri m’ chul, ’S diubhail sid ’s an uair nach b’ fhéum; Aon charbad diag bha fo m’ làimh An tigh mòr Licàoin fhéil: Na buill loinntreach, dhiongmhalt’, ur, Fo dhìon duinte nam brat sgàil Faisg gach aon diubh tha cuing each, Air bialaobh nam prasach làn, Fhuair mise bho ’n aosda mhìn Iom’ earail bu bhrighmhor blagh, Gu’n leanainn gaisg’ agus còir, ’N uair dh’ fhagainn tigh mor nam fleagh. Dh iarr e mi bhuin leam nan steud, Le m’ charbad bu chéutach dealbh, ’S marcachd air tus arm na Tròidh’, Am buillsgein nan còmhstrith garg. (Ri leantuinn.) MU ’N GHAILIG A BHI AIR A TEAGASG ’S NA SGOILIBH. LEIS AN URR. AN T-OLLA MAC-LACHLAINN. Tha ceisd air éirigh aig an àm, co dhiubh bhuineadh do ’n Ghàilig bhi air a teagasg do chloinn ’s na sgoilibh ùra ’tha air an cur suas ’s an tìr a réir an Achd Phàrlamaid a thugadh a stigh o cheann ghoirid. Bha buidheann o Chomunn nan Sgoilean Gàidhealach ann an co-labhairt ris an “Lord Advocate” air a’ phuing so, ag agradh nach bitheadh dearmad air seana chànain na dùthcha; ach tha cuid ’n a aghaidh, ’us tha cuid eile meagh-bhlàth. [TD 17] Is fiù aire a thoirt do na their daoine an aghaidh na cùise. Their cuid, mar is luaithe a theid a’ Ghàilig ás gur h-ann is fearr. Cha ’n urrainn do dhuine a bheul fhosgladh mu ’n phuing air a’ Ghalldachd, nach fhaigh e sud ’s an aghaidh. Their iad gu’m b’ fhearr nach bitheadh ach aon chainnt ’s an rìoghachd, gur h-ann a tha a’ Ghàilig a’ cur bacaidh air maith na Gàidhealtachd, agus gu ’m buineadh a h-uile meadhon a chleachdadh a chum a cur ás an tìr. Their cuid eile nach ’eil a’ chainnt cho fiùghail, foghainteach, ris a’ Bhéurla, nach ’eil focail innte air son iomadh ni a tha am measg dhaoine an diugh, agus mar sin nach airidh i air gu ’m bitheadh i air a teagasg ann; agus ma theid a teagasg anns na sgoilibh, nach ’eil sin ach ’g a cumail beò an uair a b’ fhearr gu’m bàsaicheadh i. Ach stadadh iad sud orra tacan gus am faicear ciod a ghabhas a ràdh air an taobh eile. Cha ’n ’eil amharus air nach fheairrd na Gàidheil eòlas a bhi aca air a’ Bhéurla. Duine gun Bhéurla ’s an là ’s am bheil sinne ann, is duine e air leth làimh. Agus ma’s éigin doibhsan an dùthaich fhéin fhàgail, agus, mo chreach! cha mhòr caidreamh a gheibh iad innte (ged a b’ e an aithrichean a choisinn, agus a ghleidh an cuid do shinnsribh nan daoine a tha nis ’g am fògradh aisde), agus ma bheir iad na bailtean mòra orra, no ma dh’ iarras iad am beòshlainte ann an tìribh céin, mar a rinn mòran diubh, is anacothrom nach beag dhoibh a bhi gun Bhéurla. Bu cho maith dhoibh, air ámaibh, a bhi gun teangaidh. Faigheadh iad a’ Bhéurla ma ta. Cha chuir an caraid an aghaidh sin. Ach an déigh sin uile cha ’n ’eil i aca fhathasd: ’us ged a bhitheadh, cha mhisd i a’ Ghàilig a bhi ’n a cuideachd. Tha faisg air trì cheud mile de shluagh na h-Alba do ’n i a’ Ghàilig fhathast an cainnt mhàthaireil. Cha ’n ’eil i aca ri fhoghlum—tha i aca mar thà; ’us tha sinne coma cho fada ’s a bhitheas a’ chùis mar sin. Ach is i a’ cheisd, ma ’s i a labhaireas iad, c’arson nach leughadh iad i. Tha sinn a’ meas gu ’m buineadh do na h-uile duine a’ chainnt a labhaireas e a léughadh, air neo is duine leth-ionnsaichte e. Ciamar a fhreagradh e do ’n t-Sasunnach gur h-i a’ Ghàilig a dh’ fhéumadh e fhoghlum an toiseach. Is fhurasd a thuigsinn nach ann le gean maith a dh’éisdeadh e ris an ni ’g a agairt. Agus ma ’s fìor sin carson a sparradh e a chainnt fhéin sìos an amhaichean nan Gàidheal, mar an t-aon nì a b’ fhiù fhoghlum. Ach, abradh daoine gur maith gu ’m bitheadh a’ Bhéurla aig a’ chloinn Ghàidhealaich. Ma ’s eadh is ann is fhusa dhoibh i bhi aca ma gheibh iad leasan ’s a’ Ghàilig. Tha aon bhuaidh air a’ Ghàilig, an uair a leughas an sgoileir Gàidhealach i, gu’n tuig e na focail, ’s mar sin tuigidh e brìgh na tha roimhe ’s an leabhar. Sin an céum is àirde de ’n ionnsachadh, gu’m bitheadh an inntinn a’ togail suim na tha an t-sùil a’ faicinn. Is i a’ chainnt mhàthaireil a chuidicheas ri sin; agus mar sin, air na h-uile dòigh, is fheairrd oilean na cloinne gu ’m bitheadh comas aca air a’ chainnt mhàthaireil a léughadh. Agus nach fhaod so a bhi air a ràdh air mhodh sònraichte, gur bochd a bhi ’faicinn luchd-aoraidh ann an eaglaisean Gàidhealach, nach urrainn an stéidh-theagaisg a léughadh ’s a’ chainnt ’s an léughar i leis an teachdaire. Ach an uair a tha esan ’g a léughadh gu ciùin, druighteach, ’s a’ chainnt shnasail, chudthromaich ris am blàthaich cridhe, is ann a tha am fear-éisdeachd a’ strì ri bhi leantainn le Bìobull Gallda ’n a laimh, a’ cogadh ri cainnt nach do chuir gluasad air a [TD 18] chridhe riamh. Agus anns an aoradh-theaghlaich theid an caibdeal a léughadh ’s a’ Bhéurla agus an ùrnuidh suas ’s a’ Ghàilig mar a’ chainnt is fhearr a ruigeas air fìor fhaireachadh a’ chridhe. Is aithne dhuinn iad aig am bheil so mar chleachdadh. Agus ma theid fhoighneachd dhiubh carson tha so mar so, their iad nach d’ fhuair iad leasan Gàilig riamh ’s an sgoil. Agus a thaobh nan ceisd a b’ ábhaist a bhi air an teagasg ’s a’ Ghàilig, is ainmig a nis a gheibhear iad aig òganach ’s a’ Ghàidhealtachd ach anns a’ Bhéurla. Ach cha ’n ’eil so mar bu chòir. An áite a bhi ’cabhar eideachaidh na cloinne is ann a tha e ’n a éis dhoibh. Fhad ’s a tha a’ Ghailig air a labhairt ann an teaghlaichean ar tìre, fhad ’s a tha i air a cleachdadh ’s na h-eaglaisibh againn, fhad ’s is i cainnt cridhe a’ Ghàidhil an gnothuch beatha ’s air leabaidh-bhàis, ’s an t-saoghal agus ’s an eaglais, is dleasdanach i bhi ’s an sgoil a chum ’s nach bitheadh leanabh Gàidhealach innte nach ruigeadh air comas a chainnt fhein a léughadh. Agus an uair a bhitheas luchd-sgìreachd na Gàidhealtachd a’ cur dhaoine a stigh air a’ “Bhòrd” thugadh iad an aire nach roghnaich iad daoine a bhrathas iad ’s a’ phuing a tha ’n so. Tha maith aimsireil agus agus spioradail na tìre ’g a agairt. PIOBAIREACHD DHONUILL DUIBH. FHIR MO CHRIDHE,—Mo bhonnag ort—Tha ’n Nolluig mu na dornaibh againn—na mnathan a’ fuineadh nam bonnag, na h-ingheanan ag cur àirde air rìmheadh, na sean-ghillean a’ snaidheadh nan caman, ’s na daoine an deaghaidh tighinn dhachaidh ás an Tòiseachd, agus a’ chlann a ’s caithream aca mar b’ àbhaist air— Tha ’n Nolluig a’ tighinn, ’S a’ Challuin ’n a deaghadh, ’S bidh ioma gobhar odhar Gun cheam againn. Agus cuid eile dhiubh ag gabhail— Cha tig an fheill Anndrais Gu ceann bliadhna tuille oirnn; Cha tig an fheill Andrais, Gu ceann bliadhna tuille oirnn, Cha tig an fheill Andrais, Bithibh cridheil dannsaibh,— Cha tig an fheill Anndrais, Gu ceann bliadhna tuille oirnn. Tha camanchd mhór gu bhi againn am màireach, agus fhad ’s a bhios am piobaire ag almadh a’ mhala tha bhuam fhin cuairt a thoirt dhut air ‘Piobaireachd Dhonuill-Duibh.’ Tha e comhdach orm nach eil e ceart agam; ach tha e agam mar a bha e aig m’ oid’-ionnsaichaidh, agus dh’ionnsaich esan e mu’n d’rugadh am piobaire. Their feadhainn gur h-ann do Dhonull Ballach a chuir ciad latha Ionarlòchaidh a rinneadh am port; ach, co sa bith dh’ an deachaidh a dhianamh, is e is ‘Spaidseireachd’ do Chlann-Chamrain. Is dualach gu ’m bheil fhios aca fhein carson a roghnaich iad e. Is seo mar a dh’ionnsaich mi e:— Pìobaireachd Dhònuill duibh, Pìobaireachd Dhònuill; Pìobaireachd Dhònuill duibh, Pìobaireachd Dhònuill; Pìobaireachd Dhònuill duibh, Pìobaireachd Dhònuill; Pìob agus bratach Air faich Ionarlòchaidh. (a rist.) Pìobaireachd, pìobaireachd, Pìobaireachd Dhònuill; Pìobaireachd, pìobaireachd, Pìobaireachd Dhònuill; Pìobaireachd, pìobaireachd, Pìobaireachd Dhònuill; Pìob agus bratach Air faich Ionarlòchaidh. (a rist.) Chaidh an diugh, chaidh an diugh, Chaidh an diugh òirnne; Chaidh an diugh, chaidh an diugh, Chaidh an diugh òirnne; Chaidh an diugh, chaidh an diugh, Chaidh an diugh òirnne; Chaidh an diugh, ’s chaidh an dé, Le Clanndònuill. (a rist.) [TD 19] Fire faire, Lochial, Ceana thriall do ghaisgich? Fire faire, Lochial, Ceana thriall do ghaisgich? Fire faire, Lochial, Ceana thriall, do ghaisgich Fire faire, Lochial, Fire faire, Lochial, Fire faire, Lochial, Ceana thriall do ghaisgich? Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lochial, Lòchaidh. (a rist.) Thug na fir chaola Mach ri Srathlòchaidh; Thug na fir chaola Mach ri Srathlòchaidh; Thug na fir chaola Mach ri Srathlòchaidh; Thug na fir chaola, Thug na fir chaola, Thug na fir chaola, Mach ri Srathlòchaidh. (a rist.) Thug na fir, thug na fir, Thug na fir, thug na fir, Thug na fir, thug na fir, Thug na fir, thug na fir, Thug na fir, thug na fir, Thug na fir, thug na fir, Thug na fir, thug na fir, Thug na fir chaola Mach ri Srathlòchaidh. (a rist.) Pìobaireachd Dhònuill duibh, Pìobaireachd Dhònuill; Pìob agus bratach Air faich Ionarlòchaidh. Is sin agad ma ta mar a dh’ionnsaich mise ‘Piobaireachd Dhonuill-Duibh;’ ach ged is ann, is éudar dhomh aideachadh nach ’eil e ro choltach gu’n cuireadh pìobaire, no idir bard Mhicdhonuill-duibh am port a sìos an leithid de bhriathran; mur d’ rinn e e, air son rud nach ruigeadh e leas, gu misneach a’s spéirid a mhosgladh ’s na daoine ri am cruadhaich: cha chualas riabh àite neo ionad ri uchd gàbhaidh ’s an d’ thug Camranach a chùl. Ma ’s àill leat e an deaghaidh so, cha’n ’eil fhios nach toir mi dhut ‘Fàilte Shir Eobhan.’ Air an àm, faodaidh mi innse, mar is i an ‘Tuagh’ roinn de shuaicheantas Chlann-chamrain, gur h-i amhuil sin, an ‘Caismeachd,’ D’ fhaicinn slàn, ABRACH. An Tombuidhe, Oidhche Nolluig, 1874. MAIRI NI MHIC-GUIDHIR. Innleachd na h-Eirionn, Na Gréige, ’s na Ròimh, Ged bhiodh sid an aonfheachd, An aonbheairt am chòir, Ghlacainn gu h-éibhneach Ro mhéud sid de sheòid, Màiri na h-Eirionn, Na ’n éireadh i beò. ’S tùrsach làn éislein Mi fhein gach tràth nòna, ’S a’ mhadainn ged éirich, Cha ’n éirich i dhòmhsa; Ged gheobhainn ioma tréud, Agus spréidh, agus stòras, Cha ghabhainn bean fo’n ghréin Air do dhéigh-sa ri ’pòsadh. Fhuair mi seal an Eirinn Gu h-éibhinn ’s gu sòghail, Ag òl leis gach tréunfhear Gu h-éifeachdach ceòlar; Dh’ fhagadh na dhéigh sin Leam fhein mi gu brònach An deireadh mo ré, ’S gun mo chéile bhi beò leam. M’ aon-tlachd ’s mo shòlas thu, Og-bhean bu chiùine, M’ ìnntinn ad dhéigh, Och, is léir gu bheil mùiteach; Gu deimhinn cha ’n fhéud mi Ad dhéigh a bhi sunntach, A Mhàire na céille, ’S nam béus a bha cliùiteach. UA-CEARBHALLAIN. COMHAIRLE. Ma ’s math leat srian a chur ri d’ an-miannan, agus an spionadh ás am bun, thoir sùil an dràsta ’s a rithist a stigh air do chridhe; thoir fosnear ceannfàth do smaointean, agus ciod a th’ air d’ aire; ciod a rinn thu, agus ciamar a rinn thu e; ciod a ni thu ’s an úine ri tighinn, agus ciamar. Faodaidh tu so a dhianamh an àm gnothuch a ghabhail os laimh, agus an àm sgur dh’ e, no ceann-fìnid a chur air; an àm buairidh, no, ma dh’ éireas dhut tniteam am fàillinn, no an uair a chuirear trioblaid ort. Faodaidh tu so a dhianamh ad ònrachd no am measg cuideachda. [TD 20] A’ BHEAN CHOMUINN.* [Ceòl] FONN— Dh’ fhalbh mo bhean chomuinn, Cha tig mo bhean ghaoil; Gu’n d’ fhalbh mo bhean chomuinn, Bean ’thogail nan laogh, Thig blàth air a’ ghiubhas, Agus ubhlan air géig; Cinnidh gucag air luachair, ’S cha ghluais mo bhean fhéin. Thig na gobhra do’n mhainnir, Beiridh aighean duinn laoigh; Ach cha tig mo bhean dachaidh, A clachan nan craobh. Dh’ fhalbh, &c. Thig màrt oirnn, thig foghar, Thig todhar, thig buar; Ach cha tog mo bhean luinneag Ri bleoghann, no buain. Cha dìrich mi tulach, Cha shiubhail mi frìth; Cha’n fhaigh mi lochd cadail, ’S mo thasgaidh ’s a’ chill. Dh’ fhalbh, &c. Tha m’ aodach air tolladh, Tha’n ollann gun snìomh; Agus deagh bhean mo thighe, ’N a laidhe fo dhìon. Tha mo chrodh gun an leigeil, Tha an t-eadradh aig càch; Tha mo leanabh gun bheadradh, ’N a shuidh’ air an làr. Dh’ fhalbh, &c. Tha m’ fhàrdach-sa creachte, ’S lom mo leac a’s gur fuar; Tha m’ ionmhas ’s mo bheairteas, Fo na leacan ’n a suain. Uist, a chagarain ghràdhaich— Caidil sàmhach, a luaidh; Cha tog caoineadh do mhàthair,— Dean ba-bà a nis, ’uain. *From “An Duanaire,” Maclachlan & Stewart, Edinburgh. [TD 21-32] THE GAEL. ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 33] AN GAIDHEAL. IV. LEABH.] CEUD MHIOS AN EARRAICH, 1875. [38 AIR. SEAN-FHOCAIL. II. BU DUAL DA SIN. Am measg nan Sean-fhocail Gaidhealach cha ’n ’eil teagasg is trice a th’ air a thoirt f’ar comhair na so,—gu bheil feartan ’us faillinnean cuirp ’us inntinn, deas-ghnathan ’us cleachduinean a’ ruith ’s an fhuil, air an giulan a nuas o pharantan gu cloinn. Cha lugha na fichead Sean-fhocal a th’againn d’an ceud bhrigh an teagasg so; agus tha moran eile a tha dearbhadh air caochladh dhoighean cho diongmhalta ’s a bha na sean daoine a’ creidsinn ann. Tha cuid diu ann an cainnt shoilleir ag aithris an teagaisg na lan-fharsuingeachd: “Mac mar an t-athair”; “Dh’ aithnich mi gur meann a bheireadh a’ ghabhar”; “Cha tig o’n mhuic ach uircein;” “Cha tig as a’ phoit ach an toit a bhitheas innte”; “An rud a chinneas ’s a’ chnaimh, cha tig e as an fheoil;” “Cha tig á saoitheach ach an deoch a bhitheas ann”; “Cha d’ thainig ubh mor riamh o’n dreathan-donn.” Gheibhear cuid eile, fo chaochladh samhladh, a dearbhadh an teagaisg le bhi comharrachadh a mach rian sonruichte a th’ air aiseag o pharantan gu cloinn: “Bu dual do laogh an fheidh ruith a bhi aige”; “Bu dual tòchd an ime ’bhi air a bhlathaich;” “Ciod a dh’ iarradh tu air bo, ach gnusd.” Tha cuid a’ toirt f’ar comhair riaghladh an lagha anns a’ chorp a mhain, “Theid dubhag ri dualchas”; cuid ’s an inntinn a mhain, “Cha tig smuaintean maith á cridhe salach;” cuid araon anns a’ chorp ’s anns an inntinn, “Cha d’ thainig eun glan riamh á nead a chlamhain;” “An galar a’ bhitheas ’s a mhathair, is gnath leis a bhi ’s an nighinn;” “Is duilich burn glan a thoirt á tobar salach;” agus aon gu sonruichte a tha ’ceangal ar deas-ghnathan ’s air cleachduinean cumanta ris an lagh cheudna, “Theid duthchas an aghaidh nan creag.” Feudar an Radh a ghabh sinn mar steigh a chur air ceann an teagaisg; oir tha e filleadh a stigh ann an ceithir focail bheaga na firinn (ma’s firinn i) a th’ air a h-aithris air aon doigh na doigh eile leis na Sean-fhocail a dh’ ainmich mi. Is gann a chreideas mi gu’m faighear dream eile ’bu mho thug an inntinnean suas do’n bheachd so na ’n Cinneadh Gaidhealach. Tha, gun teagamh, aon no dhà d’ar Sean-fhocail a’ teagasg an atharraich,—“Is minic a bha droch laogh aig deagh mhart,” “Is minic a bha claidheamh maith ’an droch thruaill,”—ach cha ’n ’eil iad ach tearc; agus tha ’n doigh chainnt leis a’ bheil iad a’ toiseachadh, “Is minic,” a’ dearbhadh gu’n robh an Ughdair ag amharc orra mar “easbhuidh cumaidh ris an lagh,” agus nach b’ ann mar lagh iad fein. Cha ’n ’eil neach a leugh a bheag no mhor de Eachdraidh ’s de Bhardachd nan Gaidheal nach faic an cumhachd a bh’aig an teagasg so thairis air inntinnean ar sinnsearan anns gach linn. Cha ’n ’eil taobh duilleig de Oisein anns nach eil eisempleir ar n-aithrichean [TD 34] air a cur f’ar comhair a chum ar brosnuchadh gu gaisge ’s gu treuntas. Lean na Baird Ghaidhealach an deagh chleachduin so. “Lean-sa cliu na dh’aom a chaoidh Mar d’aithrichean bi-sa fein,” arsa Fionnaghal ri Oscar; agus ’s e so a mhor chuid de theagasg Oisein. “Bi gaisgeil mar bu dual duit;” feudar a radh gur e so ceann-teagaisg nam Bard Gaidhealach, agus nam Bard Gallda a sheinn mu threuntas nan Gaidheal ’s mu’n dilseachd do na Stiubhartaich. Agus bha gach Ceannard ainmeil Airm bho Ghalgacus gu Morair Chluaidh lan-fhiosrach air a’ bhuaidh a bh’ aig a’ chreidimh so thairis air na Saighdearan Gaidhealach. Cha mhor de bheachdan ar sinnsearan, ma tha aon idir ann, a ghleidh uiread de’n cumhachd ’s a rinn am beachd so. Feudar a mhor chuid de’n spiorad a th’ aig bun na dilseachd ’s an duinealais a th’air a nochdadh ’n ar Comuinn Ghaidhealach ’s na bailte mora a lorgachadh gus am bheachd cheudna. Cha ’n ’eil maith na olc a chi sinn ’n ar coimhearsnaich nach ’eil sinn ullamh gu sealltuinn air ais, ’s a cheangal ri co-ionaun gne a gheibhear ’s na “daoine o’n d’thainig iad.” Ma tha mac de choimhearsnaich deas ’n a phearsa, ma tha ’nighean maiseach, no ’n t-atharrach;—ma tha iad slan no euslan, buan no diombuan, aoidheil no doicheallach, fialaidh no spiocach, glic no amaideach, fior no breugach, ionraic no bradach;—nach ’eil thu ullamh—ro-ullamh—gu radh, gun moran feoraich a dheanamh, “Bu dual daibh sin.” ’S e mo bheachd gur airidh an teagasg so, a rinn greim cho daingean air inntinnean ar n-aithrichean, ’s aig a’ bheil a leithid de bhuaidh thairis ar Creidimh ’us Cleachduin air latha fein, a rannsuchadh gu dlu. A’ bheil an Sean-fhocal fior; agus ma tha, ciod e cho fior? A’ bheil an lagh a tha ’n Sean-fhocal a’ comharrachadh a mach a’ riaghladh a’ Chruthachaidh leis fein, no ’n comh-bhoinn ri laghannan eile? Ma tha dà thaobh air, mar theirear gu tric a th’air Bean a’ Bhaile ’s air Rugha Cuain, feuchamaid ri sealltainn air a dha thaobh. Gun teagamh tha Ceistean cudthromach co-cheangailte ris an teagasg. Staid an Duine—aite ’s an Domhan—a dhleasdanais dha fein, d’a cho-chreutairean, ’s do gach ni cruthaichte—a chor mar bhith reusanta le anam neo-bhasmhor;—tha gach ceist dhiu so, ’s iomadh ceist a tha leantainn ’n an lorg so, an crochadh ri teagasg an t-Sean-fhocail. ’S e air dleasdanas ma ta an Radh so a cheasnachadh; an cnaimh a bhriseadh ’s an smior a dheothal, oir is eigin gu bheil a bheag no mhor de smior ann. A reir mar is leir dhuinne, tha tri cumhachdan ann, a tha, le cheile, a’ sonruchadh cor nadurra gach creutair air thalamh; ’s e sin, a Pharantan, an Saoghal, agus E fein. Tha so cho fior, tha mi meas, mu thimchioll gach ni anns a’ bheil beatha, a reir an gne, ’s a tha e mu thimchioll an duine. Tha ar n-aithrichean, anns na Sean-fhocail, ag aideachadh nan cumhachdan fa leth, mu thimchioll an duine co-dhiu; ach anns an t-Sean-fhocal “Bu dual da sin,” ’s anns na Sean-fhocail eile a dh’ ainmich mi, ’s e cumhachd nam Parantan a mhain a th’ air a thoirt f’ar comhair. Aontaichidh gach neach gu bheil e fior ann an tomhas ro-mhor mu lusan ’s mu gach creutair cruthaichte a mach o dhuine, gu bheil “Am mac mar an t-athair.” Tha gach Garadair ’s gach Tuathanach a’ saoithreachadh anns a’ chreidimh so, agus tha toradh an saothrach a’ dearbhadh firinn an creidimh. Bhiodh e coltach gu leoir gu’m biodh an lagh a’ riaghladh na bu teinne thairis air gach creutair [TD 35] mar a b’isle a staid anns a’ chruthachadh. Ma tha e fior gur iad na tri cumhachdan a dh’ ainmich mi a tha sonruchadh cor gach ni anns a’ bheil beatha; tha e so-thuigsinn nach ionann neart do gach cumhachd fa leth thairis air cor gach gne chreutair. Mar is isle staid gach creutair ’s ann is lugha ’s is laige a chomasan; oir ’s e meud ’us neart a chomasan a tha ’sonruchadh airde no isle a staid. Cha ’n ’eil mar so dithis de na cumhachdan a dh’ ainmich mi ag oibreachadh cho tric no cho comasach ann am beatha a’ chreutair ’s a tha iad am beatha an duine. Cha ’n ’eil a chumhachd fein no cumhachd an t-saoghail a’ sonruchadh beatha an ainmhidh is airde staid—a shonais no thruaighe—mar tha iad a’ sonruchadh beatha an duine is diblidh ’n ar measg. Cha ’n ’eil an Saoghal (agus leis an t-saoghal tha mi ’ciallachadh gach ni tha buntainn ris o bhreith gu bhàs) a’ caisleachadh a’ chreutair air cho iomadh doigh ’s a tha e ’caisleachadh an duine. Do bhrigh nach eil e fein a’ dol an coinneamh an t-saoghail cho tric no cho dian ’s a tha ’n duine, cha ’n ’eil an saoghal ’g a choinneachadh air cho liutha bealach. Ann am beatha a’ chreutair an coimeas ri beatha an duine, tha ’chairdean ’s a naimhdean na’s comharraichte, tha iarrtasan na’s cinntiche, ’fheuman na’s lugha—a dh-aon fhocal tha ’inntinn na’s cuinge agus mar sin tha ’n saoghal agus e fein dhasan na’s lugha ’s na’s laige. Ach bhiodh e mealltach a radh mu’n chreutair nach eil cumhachd idir aige fein ’s gu h-araid aig an t-saoghal thairis air a bheatha. Mu na h-ainmhidhean is airde comasan, cha ruigear a leas dearbhadh a thoirt seachad aon chuid air a’ ghleustachd a tha iad a’ cleachdadh a chum sonas a shealbhachadh ’us truaighe a sheachnadh, no air gach iomadh doigh anns a’ bheil an saoghal—na siontan—creutairean eile—pailteas ’us gainne lòin—a’ sonruchadh an neart, an dreach, ’s an aireamh, anns gach tir. Tha so soilleir do gach neach a sheallas mu’n cuairt da ’n a dhuthaich fein, no ’leughas mu eachdraidh ainmhidhean an duthchannaibh eile. Agus tha na ceart chumhachdan a’ riaghladh, ’n an staid fein, beatha nan creutairean is diblidh ’s nan lus. Ma leughas sinn oibre nan daoine a rannsaich gu geur gne ’us doigh nan lus ’s nan creutairean is isle bith, chi sinn nach ’eil ni is cinntiche na so, gu bheil anns gach staid na comasan is feumaile ’chum beatha ’chumail suas air an neartachadh ’s air an aiseag ’n an neart do’n t-sliochd. Anns an stri mhior gu bhi beo, tha e fior, air aghaidh a’ chruthachaidh anns gach ceum, gu bheil d’fheum a’ sonruchadh do neart; agus cha ’n e ’n duine a mhain, ach gach bith, a dh’ fhaodas a radh, “Ciod e nach toir neach air son a bheatha.” “Sguiridh mi g’am phianadh, o’n thug mi ’n aire, Gur e ’n duine diomhain is faide ’mhaireas,” arsa Donnachadh Ban. Cha ’n ’eil do theagasg fior, a Dhonnachaidh. Na ’n tugadh tu ’n aire na b’ fhearr, chitheadh tu ann am beatha an duine ’s a chreutair gu’n teid Neart thar Ceart; ’s gur e lagh nadurra beatha an talmhainn, “A’ bheist is mo ag itheadh na beist is lugha ’s a’ bheist is lugha ’deanamh mar a dh’ fhaodas i.” Tha ’n lagh “Am mac mar an t-athair” ann am beatha ’chreutair fior a mhain ann an comh-bhoinn ris an lagh so eile;—gu bheil na buaidhean ’s na comasan a tha feumail do’n chreutair air an tarruing a mach, air an neartachadh, ’s air an aiseag d’a shliochd, gu bhi rìs air an cothromachadh ri feum na cloinne, [TD 36] ’s gu bhi leis gach atharrachadh a nithear orra air an giulan air an aghaidh o ghinealach gu ginealach re nan linntean. Ach seallamaid air riaghladh an lagha ann am beatha an duine. Do bhrigh gu bheil iarrtasan an duine na’s lionmhoire, ’inntinn na’s farsuinge, agus gu h-araid a thoil na’s neartmhoire, cha ’n ’eil e cho farasda a dhearbhadh an cuibhrionn d’a ghne-beatha a tha ’n crochadh ri lagh seach lagh; ach air an laimh eile tha fein-fhaireachduin ’us fein-fhiosrachadh againn air iarrtasan ’us smuaintean an duine, tha eachdraidh againn air iomadh teaghlach de’n Chinne-daonna an iomadh linn, ’s air aon teaghlach an iomadh aite; agus tha so a’ toirt cuideachadh mor dhuinn gu bhi ’fuasgladh na ceist,—ciod e cho fior ’s a tha ’n Sean-fhocal am beatha an duine? A thuilleadh air so cha mhor aitean anns a’ bheil e cho farasda eisempleir fhaotainn air oibreachadh an lagha ris an rioghachd so. ’S gann a gheibhear ann an eachdraidh, tha mi meas, da shluagh cho fada an taice a cheile ri Gaidheil ’s Goill Albainn a ghleidh cho dealaichte an aghaidh gach cothrom ’s gach aobhar gu aonadh. Tha mile bliadhna ’us corr o’n a thuinich Goill an Albainn; tha os cionn ceud bliadhna o’n a tha sith choimhlionta eadar an da shluagh; tha ’n rioghachd fo’n aon lagh, de’n aon aidmheil; tha moran de fhearann na Gaidhealtachd an lamhan Ghall; ’s e canain nan Gall a th’ air a labhairt anns gach baile ’s aig gach feill; ach an deigh so uile tha ’n Gaidheal an diugh ’n a dhreach, ’n a dhoigh, ’n a chleachduin, ’n a chanain, ’n a iarrtasan, agus eadhon ’n a bheachdan dlu air bhi cho comharraichte o’n Ghall ’s a bha e an uair a chuir a cheud Sasunnach a chas air Albainn. Gun teagamh thainig iomadh atharrachadh air an da shluagh o’n am sin; ach tha e ’n a aobhar iongantais ann an duthaich cho beag nach do shluig an Gaidheal suas an Gall re na h-aimsir a bha ’n lamh-an-uachdar aige; agus gu sonruichte tha e ’n a aobhar iongantais nach robh an Gaidheal air a shlugadh suas leis a’ Ghall o chionn iomadh bliadhna. Feumaidh e bhi gu bheil an dealachadh eadar an da shluagh domhain agus farsuing, an uair, a dh’ aindeoin gach aobhar gu aonadh, a dh’ fhan iad cho fada sgarte o cheile. Tha aobhar an dealachaidh, tha mi meas, ri fhaotainn air tus ’s an stoc, ’s a ghne, no ’s an fhuil, mar their sinn; ged tha gun teagamh eachdraidh ’s beul-aithris an da shluaigh a’ neartachadh a’ phriomh-aobhair so. Tha e cleachdte ’bhi roinn a’ Chinne-daonna ’n an tri teaghlaichean,—GEAL, DUBH, ’us RUADH. Tha sinn a’ creidsinn, leis an Abstol Pòl, gur ann de ’n aon fhuil an triuir; ged tha iad ’n an dreach ’s ’n an doigh cho dealaichte o cheile ’s ged a bhiodh triuir chàraid ann o thus. Bha ’n dealachadh so riamh o’n a tha eachdraidh againn orra a reir coslais cho comharraichte ’s a tha e nis. Ge b’e air bith mar dh’ eirich no mar thoisich e, tha e dhuinne ’n a dhealachadh ’s an fhuil, cho dearbhta ris an dealachadh eadar cu-chaorach ’s cu-feidh. Agus ma thionndaidheas sinn gus an teaghlach GHEAL (o’n is ann air is eolaiche sinn) chi sinn gu bheil e ’sgaoileadh a mach ’n a Chinnich a tha o thus ar n-eolais aithnichte le comharan soilleir a raon an corp ’s an inntinn o chàch a cheile. Tha daoine foghluimte ag innseadh dhuinn gu’m b’e dachaidh an stuic GHEAL taobh an Iar Asia; gu’n robh a nis ’s a ris imrich mhor ’g a deanamh o’n t-sean dachaidh do chearnaibh eile; gu’n deachaidh a cheud sgaoth an Ear far am faighear [TD 37] anns na h-Innsibh iad fein ’s an Sean Chanain (Sanscrit) gus an la diugh; gu’n do ghabh an ath sgaoth (na Gaidheil) an Iar roimh Asia ’s roimh thaobh deas na h-Eorpa; gu’n do lean car dlu air sàil nan Gaidheal ’s a’ gleidheadh an aon rathaid na Greugaich ’s na Romanaich; gu’n d’thainig a ris na Goill (no na Teutonaich) an Iar a’ gleidheadh na b’ fhaide Tuath; agus fa dheireadh gu’n d’thainig na Sclabhonaich a thuinich ’an Ear-thuath na h-Eorpa ’s ’an Iar-thuath Asia. Abair gur e ’n teaghlach GEAL an lamh; agus gheibh thu anns na cuig Cinnich a dh’ ainmich mi na cuig meoir a’ cinntinn o’n laimh ’s a’ comhdachadh na h-Eorpa ’s taobh Tuath ’s an Iar Asia. Tha ’n dealachadh eadar na meoir ann an corp ’s an inntinn cho maith ’s an canain ro chomharraichte. Gun teagamh rinn siontan an athair am priomh-dhealachadh ann an dreach a’ chuirp a mheudachadh, agus rinn eachdraidh ’us beul-aithris ’us foghlum nan sluagh fa leth (a thuilleadh air cumhachd buaidhean a’ chuirp) ceud-fàithean na h-inntinn a shonruchadh anns gach teaghlach, ’s an canainean atharrachadh mar bha tìm a’ ruith; ach mu ’n d’ fhuair sinne eachdraidh orra bha iad dealaichte ’n am fuil ’s ’n an canain. Rugadh leis an aon Mhathair, ma ta, an cuignear mhac so, agus dh’ araicheadh iad, aon an deigh aon, air comhnardaibh Asia. An uair a bha iad fa seach air fas laidir gu leoir gu bhi ’cothachadh air an son fein, ’s ro lionmhor gu bhi tuineachadh mu’n t-sean dachaidh, ghabh iad an domhan m’an ceann; sgaoil iad gach leth ’s gach taobh, gach aon a dheanamh air a shon fèin, a’ giulan air falbh d’an dachaidhean ùra ’n an cuirp, ’n an inntinnean, ’s ’n an canainean, dearbhadh maireannach air an dàimh d’a cheile. Is cuimhne leat an uair a tha Burns a’ moladh sgeimh na mnà os cionn an fhir, mar tha e ’toirt air Mathair nan Uile a bhi feuchainn a laimhe an toiseach air cruthachadh an fhir, agus an uair ’tha i iunnsaichte, tha i ’gabhail os laimh bean a dheanamh: “Her prentice hand she tried on man, And then she made the lasses O!” Ann an tiunndadh a mach nam pobull, nach feud sinn a radh, ann an cainnt cosmhuil ri cainnt a’ Bhaird, gu’n do chuir ar Sean Mhathair a stigh a h-ùine a’ deanamh an Stuic DHUIBH ’us RUAIDH; agus gu’n robh a’ cheird air a laimh mu’n d’ fheuch i ris an teaghlach GHEAL. Agus a thuilleadh air so, nach biodh e farasda ’shaoilsinn an uair a bha i fein òg—a h-aignidhean bla, ’s a sgeimh grinn, gu’n cuireadh i barrachd luach air cumadh ’s air snas na ’chuireadh i air neart ’s air saoibhreas. Ann am fuineadh nan sluagh, nach saoil sinn gu’m b’e a miann ’s a cheud aite an t-suil a thoileachadh; ach an uair tha a h-aois a’ ruith, an uair tha a fuil a’ fuarachadh ’s a falt a’ liathadh, an uair tha a h-eolas air feum an t-saoghail a’ dol am meud, an uair tha fein-fhiosrachadh aice air luach neart a bhi ’s a’ chridhe ’us smior ’s a’ chnaimh, bhiodh e coltach gu’n cuireadh i barrachd meas air neart na chuireadh i air maise, cuirp ’us inntinn. Ma dh’ fhaodte gu’n abrar nach eil an so ach faoin-bheachd duine dhiomhain; ’s nach eil bun na barr aige an reusan na ’n eachdraidh. Ach ’s e mo bharail na ’n gabhteadh dragh ’us uine gu leoir, gu’m faighteadh an canain ’s an eachdraidh nan teaghlach fa leth dearbhadh laidir gur e cumadh ’us snas am feart a tha buadhachadh ’s na ’teaghlaichean is sine, ’s gur e bùchd, ’us cudthrom a tha ’comharrachadh a mach nan teaghlaichean is oige. Agus saoilidh mi nach ’eil aon de’n chuig- [TD 38] near a thug dearbhadh ’n an corp, ’n an nadur, ’s ’n an canain, an da chuid air maise ’s air neart ann an dlu cho-chordadh mar a thug na Greugaich ’s na Romanaich, a tha seasamh ann am meadhon na sreath le dà theaghlach air gach laimh dhiu. Bha na ceud mhic fa leth ainmeil an eachdraidh agus tha sinn an dochas gu’m bi fathast; ach cha ’n ’eil teagamh ’n ar latha-ne nach e ’n ceathramh mac—an Gall—aig a bheil an t-aite toisich ann an riaghladh an domhain. Cia cho fada ’s a bhitheas a chuis mar so, cha ’n fhios duinn; no co de’n cheathrar a gheibh aite ma chailleas e fein e. O chionn iomadh bliadhna ’s e an Gaidheal is faisge a thig air ann am fior chumhachd; ach a reir cursa eachdraidh an t-saoghail gu ruig so, cha ’n e an dara mac ach an cuigeamh a ni an ath stri mhor airson uachdranachd an domhain. Tha ’n Sclabhonach fathast mar gu’m b’ann ’n a chodal; ach co their c’uin a thig an gaisgeach a gheibh a mach ciod e ’s dusgadh do’n oganach? Nach tugadh cuairt na h-eachdraidh oirnn a chreidsinn gu bheil a latha fein a’ feitheamh airsan, anns am bi aige r ’a dhearbhadh do na sloigh an airidh e air aite urramach ’n am measg? Agus an uair a thig an latha so, ’s a theid e seachad; an uair a gheibh an cuignear bhraithrean gach aon a threis fein air Righ-chathair an t-saoghail;—nach cinnteach gu’m feudar an dochas altrum gu’n sguir na pobuill a’ chasgradh ’s a’ leadairt a cheile, ’s gu’m bi iad a’ stri a mhain airson Gliocais, Eolais, ’us Deadh-bheus? Nach tig an sin ’n a lanachd “Linn an Aigh”—Linn na Sith—an Linn mu’n do sheinn na Baird; mu’n do reusonaich na Daoine glice; a chunnaic na Faidhean fada roimh laimh; a bheothaich tograidhean ’s a neartaich misneach nan Ionraic anns gach linn ri am trioblaid ’us amhghair; ’s a bheir freagradh do gach eubh ghoirt ’s do gach urnuigh dhurachdach a rainig na neamhan air son sith o thoiseach an t-saoghail? Gheibhear anns gach teaghlach dhiu so comharan aithnichte air nach gabh mineachadh cubhaidh toirt ach beachd ar n-athraichean gu bheil iad a’ ruith ’s an fhuil. B’e bunait creidimh nan sean daoine am fiosrachadh air riaghladh an lagha am measg an luchd-eolais. Ach cha ’n fhairichear fior neart an lagha mar so. Cho fad ’s a chumas tu do shuil air daoine fa leth, tha ’n dealachadh na ’s mo na ’n samhladh eadar duine ’s duine ga d’ bhualadh. Is ann a mhain an uair a sheallas tu air rioghachdan ’s air cinnich a chi thu ann an eachdraidh an duine an Iomadachd ann an Aonachd a tha toirt Maise ’us Co-chordadh do oibre a’ Chruthachaidh anns gach cearn. Tha ’n Sean-fhocal fior, ma ta, ann an tomhas ro chudthromach mu thimchioll an duine, araon ’n a chorp agus ’n a inntinn; ach cha lorgaich sinn cumhachd nam parantan ann an inntinn na cloinne cho dlu ’s a lorgaicheas sinn e anns a’ chorp. ’S e ’s aobhar dha so, tha mi meas, gu bheil an da chumhachd eile a ’dh ainmich mi—an Saoghal agus E fein—a’ riaghladh buaidhean na h-inntinn na’s teinne na tha iad a’ riaghladh buill a’ chuirp. Tha, gun amhurus, siontan, lòn, eideadh, ’us cleachduin ann an tomhas mor a’ sonruchadh dreach ’us neart a’ chuirp; ach tha laghannan, canainean, teagasgan, beachdan, ’us aidmheilean ann an tomhas moran na ’s mo a’ riaghladh buaidhean na h-inntinn. “Theid duthchas an aghaidh nan creag”; ach anns an dìreadh chas tha ’n greim na ’s cinntiche ’s an ceum na ’s seasmhaiche anns na creagan feolmhor na tha iad ’s na creagan [TD 39] spioradail. Tha e duilich inntinn sluaigh a thionndadh; ach tha e eu-comasach do ’n Etiopianach a chraiceann a mhuthadh, no do’n Leopard a bhrice atharrachadh. Is ann am beatha an duine a mhain a tha E fein ’n a chumhachd laidir gu bhi sonruchadh a staid. Air thalamh ’s ann aige-san a mhain a their sinn a tha Toil. Ciod e gne na feart a tha so, cha ’n fhios duinn; cha ’n aithne dhuinn co bhuaithe tha i ’g eirigh, no ciamar tha i fas; ach tha gach aon againn fein-fhiosrach gur Cumhachd i leis a’ bheil comas againn air roghainn a dheanamh. Cha ’n urrainn thu oirleach a chur ri d’ airde fein; ach ’s urrainn thu maith a roghnachadh ’s olc a sheachnadh; agus do bhrigh so tha e so-thuigsinn dhuit gu’m feum thu cunntas a thoirt do d’ Cho-chreutair ’s do d’ Chruith-fhear “mu d’ ghriomharan anns a’ choluinn co-dhiu tha iad maith na olc.” Anns a’ cheum is cudthromaiche ’s is soluimte d’ ar beatha, ceum ar dleasdanais, ’s ann is laige cumhachd an t-Sean-fhocail. Gun teagamh tha e fior, “dhasan d’an toirear moran, gu’n iarrar moran uaith;” ach cha ’n e neart do chuirp no doimhneachd d’inntinn a shonruicheas crioch do dhleasdanais do d’ Cho-chreutair no do d’ Chruith-fhear, ach am feum a ni thu dhiu. A rèir na buil gus an cuir thu na comasan a bhuineas duit, seasaidh tu no tuitidh tu. Feudaidh “na daoine o’n d’thainig thu” farsuingeachd d’inntinn ’us cudthrom do chnamh a shonruchadh; ach cha choisinn Ionracas do Shinnsearan Sonas dhuit,—cha shaor Euceartan d’ Aithrichean o Thruaighe thu. Aig Cathair-breitheanais, air Neamh no air Talamh, cha ’n fhaigh “Bu dual da sin” eisdeachd. D. M‘K. CUMHA ANNA. RINNEADH an cumh a so leis an Urramach Mr Iain Mor Mac-Dhùghaill a bha’m Braigh Lochabar, do nighinn bràthair màthair dha, Anna Dhònullach nighean Fhir Chraineachan. Dh’éug Mr Iain ’s a’ bhliadhna 1761, ’s chaidh a thiodhlaiceadh an Cille-Chairill. Is ann bho Sheumas Mac-an-tòisich, tuathanach, am Both-Fhionntain, a dh’ionnsaich mi e. GLASRACH. [An ‘Leabhar-òran a’ Ghiliosaich,’ gheobhar an cumha so air slios 66, “Do mhnaoi uasail ann an Gleanna-Garradh.”—ULL]. FON,—“Alastair a Gleanna Gairidh.” An ainnir a chunnaic mi ’m chadal, Cho robh i agam ’n uair a dhùisg mi. ’S e bhi cuimhneachadh nach beò thu, Dh’fhàg na deòir a’ ruith bho m’ shùilean. Cha d’fhuair mi dhiat ach sealladh-ruathair, ’S truagh nach robh ’m bruadar na b’ fhaide, ’S gu’m faicinn gach ni mu ’n cuairt dut, Gug dùsgadh á m’ shuain gu madainn. Dh’ iadhainn mo shùilean mar b’ àbhaist, A dh-amharc àilleachd do phearsa: Urla sholuis is glan dearrsadh, Choisinn cliu gach àrmuinn bheachdail; Do mhuineal mar chanach sléibhe, Do dheud glé gheal ’s do bheul meachair; Do shlios mar fhiùran deas, dealbhach, ’S do chalpannan mar alabaster. Aithnghear air an aitreamh uasal, A’ bhuaidh bhios fuaighte ris an tàmhaidh, Aithnghear air a’ choluinn phrìseil, An t-anam ’s am bi brigh a’s càileachd: Gu’n aithnghteadh orts’ ’n uair bha thu ’d leanamh, Gu’m biodh tu gu banail, bàigheil,— Gu’m bidh tu gu briathraeh, sgialach,— Gu’m biodh tu gu ciallach nàrach. Cha do mheall thu iad ’n am barail: Bu tu barrachd nam ban àluinn; Bu tu Phœnix nam ban feumail, Bn tu ’n eucag threubhach, stàthor. ’N ad chomhairle gheobhteadh fuasgladh, ’N uair bhiodh tuaireap ’measg do chàirdean. Bha thu làn misnich a’s cruadail— Gach deagh bhuaidh bha fuaight’ ri d’ nàdur. [TD 40] B’fhoghaintich’ thn na Debòrah, Bha thu cho bòidheach ri Judith; Thu cho geimnidh ri Susana, ’S cho banail rith’ anns gach giùlan. Bha thu iochdmhor, creidmheach, diadhaidh: Mu d’ chuid bha thu fialaidh, pàirteach, Aig lionmhoiread do bhuiadhean uasal, Bu tu bhean shuairce bh’ aig Nàbal. Càite ’n gabh an gliocas còmhnaidh Nise bho’n nach beò thu Anna? Càite ’n teid an gealladh cinnteach? C’àite ’n fhìrinn? càite ’ghloine? Càite ’n teid an tuigse chòmhnard? Càite ’n teid an labhairt bhlasda? Càite ’n teid an giùlan banail, A nis, Anna, bho’n nach beò thu? ’S truagh leam do chlann bhi ’n an deòiribh. ’S truagh leam bròn bhi air do mhàthair; ’S truagh leam do pheathraichean deurach Mu d’ dhéighinn, ’s nach dian e stàth dhaibh; ’S gur truagh leam osnaich do bhràithrean, Bho’n nach d’fhuair iad dàil bho’n ug dhiat,— ’S bho’n nach fhaic mi gu là bhràth thu, Mo bheannachd gu Paras Dhe leat. COMHRADH NAN CNOC. (Bho ’n Teachdaire Ghaidhealach.) Para Mòr, Fionnladh Pìobaire, agus Mór Og. FIONN. Cò tha againn ’an so a Phàruig? Ma ta is fada o chunnaic mi fein bean uasal a’ téarnadh a stigh an catha ud roimhe. PAR. Tha dà latha uaithe ma chì thu ’n diugh i; tha uat a bhi shuas no bithidh othaisg ’s an dris. Cha mhath a fhreagras an sròl uaine ud am measg na droighinn. Nach dubhairt mi riut? Seall an tràs i. O! làn nam beannachd do’n droighinn—’s minic a chuala mi gu’n robh i gun eiseimeil—’s gu dearbh tha mo chead aice. FIONN. Ud! ud! a ghoistidh, cha dubhairt thu riamh a leithid. A cheart rìreadh a thà mi, tha uainn dìreadh ’n a còdhail. PAR. Ma ta cha téid mo chas ged a bhiodh i snìomh ’an sud gu latha; ach ma tha truas agad rìthe; theirig ’s an eadraiginn—éudail—’s tusa dh’ amais air a’ mhnaoi-uasail—tha e coltach gur ann agad fein a tha ’m beachd oirre. ’S e sin thus’a bhi co tric ’an cuideachd nan uaislean. Am beil cuimhn’ agad air an té d’an do sgrog thu do bhoineid an là a ràinig sinn Glaschu? FIONN. Falbh! coma leat sin an tràs—cha ’n ionann so agus Glaschu—is bean-uasal a tha’n sud, no tha mise meallta. PAR. An cuala tusa, ghoistidh, “Sìoda air cabar, agus bithidh e briagha”—sid agad e. Na’m bitheadh i sid uasal, bheirinnsa urram na h-uailse dh’i—ach mu tha faodar sgur de’n ghnothach. Am beil thu idir ’g a h-aithneachadh? Nighean bràthair Fhionnlaidh Phìobaire, a’s nighean piuthar Phara Mhóir!! Cha ’n ’eil fhios c’àite ’m beil fear-na-bainse? ach cluinnidh sinn. Is math a tha fhios agam an taobh a thug e ’aghaidh an diugh. FIONN. ’N ann a cheart rìreadh a tha thu? Ma ta, mar thuit thu fein ris an tailleir Ghallda, “is e’n gille ’n t-aodach”—ach ’s i Mór a tha’n so, co dhiubh. Fàilt ort a Mhór—bu mhithich dhut tighinn air do shean eòlas. PAR. Am beil thu ann a Mhór? Bha eagal oirnn gu’n cailleadh tu’n rùsg ’s an dris. Cha b’fheairrd thu ’n teadhair uaine sin slaoda riut ’s a’ chatha dhroighinn—theab i cipein a chur ort. MOR. Tha e coltach nach féumadh daoine aodach decent sa bith a chur orra ’s an dùthaich so. PAR. Tha iunndrain agads’ air a’ Ghalldachd, agus air na cabhsairean. Is tus a dh’ fhaodus a ràdh—leis an sgeulachd, Gu’n deach thu air do thuras le brògan paipeir mu d’ chasaibh. Cha mhath a fhreagras na leòban sin ’s na sgrìodain. Bheil [TD 41] fios agad ciod a tha Fionnladh ’n so ag radh? Tha, gu’m b’ fhèarr leis gu’n tugadh tu dha stiall de’n riobain sin air son na pìoba—’s gu’n gleusadh e i air do bhainis a nasguidh. MOR. O Uncle! is droll an duine sibh! bithidh sibh daonnan ri fun, ’s ri magadh. PAR. Bithidh a Mhór. Am fasan a bha aig Niall, bha e riamh ris. Ach an saoil thu, a Ghoistidh, nach ’eil sid gu math. Uncle ars’ ise! Nach iongantach nach dubhairt i, Mr Finlay, agus Mr Peter, mar thuirt am Bodach Gallda. FIONN. Ud, a Phàruig tha thu tuille ’s cruaidh air Móir bhochd, a’s i air ùr thighinn dachaidh; nach ann is math leat i labhairt Béurla? Ciod a bheireadh daoin’ òg gu Galldachd idir mur togadh iad beagan d’i. MOR. Gu dearbh a dhuine is math a dh’ fhàg sibh e. Abraibh sin—tha e coltach, ma’s fior esan gu’n robh e cho math dhuinn fuireach aig an tigh. PAR. Cha’n ’eil fhios agam nach robh cuideachd, a bhuinneag, air dòigh no dhà—ach Fhionnlaidh, an saoil thu nach faod daoine Béurl’ ionnsachadh gun a’ Ghailig a dhì-chuimhneachadh. Labhradh i Beurla a’s neorthaing mar cum sinne rithe mar is urrainn duinn—ach is coma leam an cothlamadh mosach, mi-chiatach a tha nis aig a h-uile fear a’s té air an dà chànan. FIONN. Ciod tha ris a sin, a mhic chridhe, ach an cleachdadh? MOR. Ciod eile, a dhuine, ach an cleachdadh? An saoil sibh an amais mis’ a nis air a’ Ghailig? PAR. Cha’n amais, mo thruaighe! Cha’n iongantach sin! Théid an cleachdadh mar an dùthchas, an aghaidh nan creag. Cha’n iongantach leam idir mar a dh’éirich dhut. Bha thu trì ràidhean air Galldachd, ag cagnadh ablaich de Bhéurla—’s cha robh thu ach deich bliadhna fichead ’s a’ Ghaidhealtachd, a’ sgoltadh cainnt d’athar ’s do sheanathar. Ach ma chaill thusa, Mhór, do Ghailig, ’s i mo bharail-sa gu’m faod thu radh, mar thuirt a’ Chailleach a h-eab a bruidhinn a chall, ’n uair a chaidil i fa chomhair na gréine, “An cnocan, an cnocan,” ars’ ise gu leodach, “far an do chaill mi mo Ghailig—’s far nach d’fhuair mi mo Bhéurla.” FIONN. Ach cha’n ’eil fhios, a Phàruig, nach ’eil a’ Bhéurla na’s pailte aig Móir na tha dùil agadsa. PAR. Cha ’n ’eil fhios nach ’eil—ach chì mi gur h-ann mar is lugha tha aig daoine dh’i is bitheant’ a tha i ’n a gurracaig mhosaich an uachdar gach seanachais—dìreach mar tha’n rìomhadh gu léir air an druim—’s ann mar sin a tha Bhéurla gu léir daonnan air an teangaidh. Nach feuch an cluinn thu iad air feadh a chéile aig a’ mhaighstir-sgoile; is fada m’an cluinn. Coma leat—mar thuirt an t-amadan e,* “An la bhios sin ri òrach bitheamaid ri h-òrach—an uair bhios sinn, ri maorach bitheamaid ri maorach.” An uair a bhios sinn a’ bruidhinn Béurla, bruidhneamaid Béurla; ach an uair a tha sinn a’ bruidhinn Gailig, labhramaid Gailig. Is don’ a fhreagras ad a’s casag ort fein le d’ fhéile ’s le d’ osain; is ceart cho mì-chiatach leam fein a Bhéurl’ agus a’ Ghailig a bhreacadh—fóghnaidh sid d’e. Tiugainn, a Mhór, dìreamaid a dh’ ionnsuidh an tighe, ’s mur tuig thu Gailig, ni *Bha amadan o shean ann an teaghlach Mhic-Leoid, agus fear eile ann an teaghlach Mhic-Dhonuill; agus chuir an da Cheann-fheadhna geall co aig a bha ’n t-amadan bu ghoraiche. Chuireadh a thrusadh maoraich iad do’n chladach, agus chàireadh bonn oir air cloich ’s an traigh ’s an robh iad. Mhothaich amadan Mhic-Dhonuill do’n or. Am faic thu ’n t-or? ars’ esan ris an fhear eile. Falbh! ars, amadan Dhunbheagain, an la bhios sinn ri orach, biomaid ri orach; ach an la bhios sinn ri maorach, biomaid ri maorach. [TD 42] ’bhean do bheatha ’s a’ Bhéurla chruaidh Shasunnaich ’s fearr a tha aice. MOR. Bha gnothach beag agam ribh fein agus ri bràthair m’ athar an so, ’s o’n a dh’amais mi oirbh cha bhi mi taoghal gus am till mi. Bha toil agam dìreach mo chomhairle chur ribh m’an ghnothach so tha mi cinnteach a chuala sibh fein a bha mi dol a dheanamh. PAR. Dìreach—Cò b’fhearr gu fiosachd na Coinneach Odhar? Bha fios agam fein gur h-ann mar so a bhitheadh—an geall thu gu’n gabh thu comhairle? Is minig a thainig comhairle an rìgh á beul an amadain—’s na’m biodh tus’, a Mhór, a dhuinneag, air a’ chomhairle mu bheireadh a thug mise dhut, a leanailt, bha thu’n diugh gu socrach, cothromach pòsda ri Eobhan ruadh, ’s cha’n ann mar tha thu ’am beul an t-sluaigh, le sìochaire de Ghall lachdunn—ad bhristeadh-cridhe do’n bhantraich bhochd is màthair dhut; ’s ad thàmailt do gach aon a bhuineas dut. MOR. Eobhan Ruadh! thug sibh coimeas domh gu dearbh. Gu dearbh cha’n ’eil farmad agam ris an té a fhuair e. Cha b’ ann le leithid a chìthteadh, an cuideachd, no an clachan mi. Mac an dubh choiteir. FIONN. Mac an duine chòir, chneasda; ach innis so, a Mhór, Co b’athair do’n fhleasgach so a tha ’d chois fein? Eudail b’fhada o chéile crodh-laoigh ur dà shean-athar, ’s mi tha cinnteach. PAR. Cha’n ’eil fhios aicese, mo thruaighe, an robh a’ chearc a sgrìobadh an dùnan aig ’athair, no aig a sheanathair, gun tighinn air crodh-laoigh. Ach gu dearbh ma bha crodh-laoigh aig ’athair, tha bhuil airsan gu’n do chuir iad an dìosg gu math tràth e. Is glas an neul a th’ air an deòra thruagh—dìreach mar gu’m faigheadh e ma sgaoil á priosan. Cha ’n ’eil fios an aithne dha fein cò a b’ athair dha. MOR. Is e fein a tha mis’ a’ dol a phòsadh, ’s cha’n e athair no mhàthair; ’s ma tha esan gu math, tha e coltach gur coma mar bha iadsan. FIONN. ’S eadh—an e so e’n tràs? Cha choma, Mhór, is minic a bha laogh math aig bó chrotaich, ach air a shon sin ma ’s i mart fein a tha mi ceannach, is math leam i bhi de shìolach math: ’s gu cinnteach bu tàmailt do d’ athair còir a tha sìnnt’ anns an ùir gu’n abradh iad ogha mèirlich ri d’ leanabh. Cha ’n e air a shon sin nach faod an gille bhi math, agus de dhaoine matha, ach gu dearbh ma tha, a bhuidheachas sin da fhein—’s cha’n ann dutsa, a Mhór, a ghabh leis gun eòlas, gun aithne air fein no air a mhuinntir. Ach am beil a bheag idir aige? PAR. Innsidh mise dhut mar tha sin—fhad ’s is léir dhomhsa. Tha aig ’n Umbrella rìomhach ud a tha fo ’achlais—agus a’ chasag odhar a tha slaodadh ri dha shlinneig, mar gu’m faiceadh tu sean aodach air stob, no air sgàth ann an eorna—agus mar thuirt an t-òran, Gun fhios a béil n’a phoca Na dh’oladh a deoch-slainte. MOR. Mur ’eil cèird no stòras aige, tha rud is fearr aige—modh a’s ionnsachadh, ’s bheir e e fein as gach cuideachd le ceòl ’s le conaltradh. FIONN. Tha’n t-ionnsachadh gle mhath, a Mhór, ach dh’ fheumadh an saoghal so beagan de anns ’n a lamhann, cho math ris a’ chean. Air son modh dheth—tha e gle mhath a rithist—ach ’s minic a chunnaic mi’n duine bha math gu thoirt fein á cuideachd, gu’n robh e mutha ’s math gu chur fein ann—agus air son ciùil deth—tha e glé thaitneach [TD 43] dhaibhsan a tha ’g a éisdeachd: ach creid thusa mise, cha ’n ’eil e ro tharbhach dhasan a tha ’g a chluich—mo chreach, ’s ann agam tha fios! PAR. Nach abair thu ’n sean-fhocal, a Ghoistidh. Cha mhinic a bha moll aig sabhal Pìobaire. Ach cia air bith mar tha sin, cha ’n ’eil dùil agam gu’n dean am fear ud a lòn le binneas a bheòil, no gluasad a mheur am feasd. Mur dean e Drumair beag do na Volunteers ma théid iad air an cois a ris, cha ’n ’eil fhios agamsa ciod tuilleadh a tha air a shon—am fearagan bochd. MOR. Falbh! cha’n ’eil dùil agam gu’m beil e ’an comain ur molaidh, co dhiubh. Bha teagamh agaibhse anns na Goill riamh. Is sibh a bha coimheach riutha. An saoil sibh nach faodar amas air duine math idir ’n am measg? PAR. Cha’n ’eil, a Mhór, mis anns a’ bharail sin. Faodar amas air daoine còir ’n am measg, agus air daoine fiachail—ach am fear a ghabhas leis a’ cheud iasg a thig air a dhubhan, cha’n ’eil fhios nach fhaigh e dallag. Agus an té a ghabhas le fear sa bith a thig ’n a tairgse, ma dh’fhaoidte gu’m faigh i biasd—agus mar d’fhuair thusa biasd, a Mhór, thoill thu e. Ghabh thu leis gun eòlas air fein, no air a mhuinntir. Gun chomhairle chur ri mathair no ri cairdean, chuir thu thu fein am beul an t-sluaigh, mu ’n robh thu ’m beul a’ Chleirich—agus ged a chi thu bean a’s clann a’ tighinn air a dheigh an ceann ràidhe, mar thachair do’n te a phòs am marsanta mòr an uraidh, ’s math an airidh. Is tu fein an òinseach bhochd, shocharach mar bha thu. Sin agad sin. Gabh ’s an t-sròin no ’s a’ chluais e. Ach thoir ort, ruig an tigh—ma tha na mnathan ’n an abhaist, theid iad na ’s faide ad leisgeal na theid sinne. MOR. Ma ta olc mhath ’s mar rinn mise tha mi ’m barail nach b’ uilear dhaibh sin—is gabhaidh mi ur comhairle an fhad so, co dhiubh—gu’n robh maith agaibh air son ur caoimhneis. FIONN. Dh’fhalbh i ghoistidh—’s cha’n ’eil i toilichte, ach bitheadh aice—rinn thu cheart chòir beagan de’n fhirinn innse dh’i; ach ciod am math a ni e—tha i nis am beul an t-sluaigh, agus cia air bith mar tha’n Gall, feumaidh i bhi gabhail leis. PAR. Feumaidh, feumaidh, cha’n ’eil ach an suaineadh an luib a chéile, ’s e sin ma chi am ministeir iomchuidh sin a dheanamh; ’s cha ’n ’eil fios agam cuideachd. FIONN. Ach an saoil thu, a ghoistidh, nach féumar sealltainn riutha. Ged a bha i fein socharach ’s i nighean a h-athar ’s a màthar i, ’s féumar cuideachadh leatha. PAR. Nach e sin, a mhic chridhe, a’ chomhairle bha dhìth oirre. Tha teann air tuarasdal leth-bhliadhna crochte ri dà chluais; ’s ciod a nis a théid ’n a beul. Ach na’m bu ghille measail a bha i faotainn, cha bu ghearan sin, ge b’e ’àit as an tigeadh e, ach an siochaire beag lachdunn. ’S mòr leam, ge beag e, amhach circe shineadh air a shon—’s gun fhios co è. FIONN. Cha ’n ’eil atharrachadh air a nis, ach an dreach is fearr a chur air a’ ghnothach. Ach gu dearbh ge nach àbhaist domh mo chlann a leigeil gu bàinis; leigidh mi ’n sid iad. Ma tha mothachadh aca bheir sid an sùilean daibh. Tha mi air m’oillteachadh an leigeil as mo shealladh, gun fhios nach éirich tubaist daibh. FIONN. Ma shaoileas tu gu’n dean e féum trus a h-uile nighean ’s an dùthaich ann; ach cha dean—cha’n ’eil annt’ ach na dall-chuileineam thall ’s a bhos. Ach coma—mur seall iad rompa—seallaidh ’n an déigh—ach tiugainn a dh’ fheuch [TD 44] ciod a ghabhas deanamh; ’s gu dearbh ’s beag a tha de shunnd bains’ e orm, An oidhch’ a rinn iad a bainis, ’S truagh nach i’n fhairire bh’ann. PAR. Thachair e dhomh, ach cha’n ’eil atharrachadh air. A Mhór! a Mhór! mo thruaighe bhochd! cha robh thu riamh ’s an dris gus a nis. FIONN. Tha e coltach; ach mar thuirt Iain amadan e ’n uair a ghabh e air fein, Cò air a rinn thu sin? Ort fein, a ghràidh. ’S i fein a dhìolas air, air a cheann fa dheireadh, ged a thug i tàmailte dhuinne ’s a cheud dol a mach. J. M‘L. CRUINNEACHADH CHLANN-GHRIOGAIR. Tha ’n ré air a’ chuan, ’S tha an ceò anns a’ ghleann; ’S, o’n a dhìteadh ar n-ainm Anns an latha gu teann, Ar cath-ghairm iomraiteach, Rìoghail o chian, Ni sinn éigheach ’s an oidhche Le dìoghaltas dian! Bi deas! bi deas! Bi deas, a Ghriogaraich! Ma bhios ruaig air ar tòir, A’s ar n-ainm air a bhacadh, Loisg am fàrdach!—’s am feòil Biodh aig eunlaith ’g a sracadh! O, tionail, tionail, tionail, Tionail, tionail, tionail! Fhad ’s tha duilleach ’s a’ choille No cobhar air sruth-thuinn, Mar is dual, cinnidh buaidh Le Mac-Griogair gu suthainn! De Ghleann-urchaidh nan àrd-bheann ’S de Chaol-chuirn nan saoidh, De Ghleann-lìobhann ’s Ghleann-srath Tha sinn creachte a chaoidh— Tur spùinnte, spùinnte, Spùinnte, Ghriogaraich, Spùinnte, spùinnte, spùinnte! Troimh dhoimhneachd a’ chuain Theid an stéud-each ’n a dheann; Chithear bìrlinn a’ seòladh Thar cìrein nam beann; Leaghaidh creagan mar eigh, ’S theid ’n an still gus a’ mhuir, M’an strìochd sinn ar còir, A’s ar dìogh’ltas m’an sguir! Bi deas! bi deas! Bi deas, a Ghriogaraich! Ma bhios ruaig air ar tòir, A’s ar n-ainm air a bhacadh, Loisg am fàrdach!—’s am feòil Biodh aig èunlaith ’g a sracadh! O, tionail, tionail, tionail, Tionail, tionail, tionail! Fhad ’s tha duilleach ’s a’ choille No cobhar air sruth-thuinn, Mar is dual, cinnidh buaidh Le Mac-Girogair gu suthainn! EADAR. LE MAC-MHARCUIS. IAIN AGUS ALASTAIR. [Chuireadh an sgialachd so h-ugainn leis an Urr. an t-Olla Mac-Lachlainn. Tha e ’g ràdh nach ’eil e ’meas gu’m beil dad de dh-eideachadh innte, ach gu’m beil e ’g a cur h-ugainn air sgàth na Gàilig snasmhoir anns am beil i air a h-aithris. Sgrìbheadh sìos i ann am Barraidh bho bhial fir-aithris bho chionn àireamh bhliadhnaichean le caraid òg.] Bha righ ann uair aig an robh dithis mhac do’m b’ ainm Iain ’us Alastair. An uair a shiubhail an rìgh, bha cileadairean ’us cléirich ùine mhór a’ cur ceart a chuid chunntas, gus mu dheireadh an d’ fhuaradh, an deigh a h-uile ni ’chur ceart, nach robh dad gu ruighinn air Iain ’s air Alastair, ach aon choileach agus seann fhàradh. ’S e Iain bu shine de ’n dithis. Thuirt Alastair ris gu ’m bu chòir dhoibh bàrr a chur ’s an talamh. Dean thusa sin, ars’ Iain ’s e ’breith air a’ choileach ’s ’g a chur ’n a achlais. [TD 45] Dh’ fhalbh e mar so ’s an coileach aige ’n a achlais, gus an d’ ràinig e ’chéud bhaile mór. Bha e fad an làtha ’coiseachd air ais ’s air aghart tre ’n bhaile, ’s cha do thachair neach air a thairg sgillinn air a’ choileach. Cha robh fhios aige ciod a dheanadh e an uair a thigeadh an oidhch’ air—cha robh peighinn ruadh aige ’n a phòc a cheannaicheadh leabaidh no biadh. An uair a bha e fad a dh’ oidhch’ agus a ghabh am baile mu thàmh, chunnaic e uinneag an sin ’s an robh solus, ghabh e null g’a h-ionnsaidh, ’s ciod e chunnaic e tre tholl a’ chùirteir a bh’ air an uinneig, ach bòrd air a shuidheachadh air meadhon an urlair, agus a h-uile seòrsa bìdh air, agus duine ’s bean ag itheadh dh’ e. Bha e ’miannachadh pàirt a bhi aige fhéin d’ e. Bha e ’feitheamh a h-uile ni a bha iad a’ deanamh, gus mu dheireadh am fac e an duine ’cur dh’ e a chuid aodaich ’s a’ gabhail a laidhe. Ach sùil dh’ an d’ thug e, ciod e ’chunnaic e ach duine ’tighinn a nuas an t-sràid, agus ghabh e lom ’us dìreach a dh-ionnsaidh dorus an tighe aig an robh e fhéin ’n a sheasamh, agus bhuail e e; ach ma bhuail cha d’ fhuair fosgladh. Bhuail e rithist ’s cha d’ fhuair fosgladh. Bha Iain, fad na h-ùine bha ’n duine ’bualadh an doruis, a’ feithamh air an uinneig; agus ciod e an obair a bh’ aig a’ mhnaoi, a’ cheart cho luath ’s a chual i ’bhi bualadh an doruis, ach a’ cur a’ bhìdh am falach am preas beag a bha ’s a’ bhalla; agus am fear a bha ’s an leabaidh, thug i air éirigh, agus chuir i fo bheul togsaid e rùisgte mar a bha e. Is ann an déigh dh’ i sin a dheanamh a chaidh i dh’ fhosgladh an doruis do ’n fhear a bha ’m muigh. Ach ciod a mhothaich am fear a bha ’bualadh an doruis ach duine ’n a sheasamh aig an uinneig. Ghabh e far an robh e, ’s dh’ fhaighnich e dh’ e, ciod è a bha e’ deanamh an sud. Tha mi an so, ars’ Iain, ’s mi gun fhios agam c’àite an teid mi; cha-n ’eil sgillinn agam a gheibh biadh no deoch, ’s tha mi gu bàsachadh leis an acras. Thig a stigh do m’ thigh-sa, ’ille bhochd, ars’ an duine, agus gheibh thu do leòr bìdh. Tha mi gle dheònach, ars’ Iain. An uair a dh’ fhosgail an dorus ’s e ’cheud fhocal a thuirt am fear a bha ’m muigh rithe, i thoirt bìdh do ’n ghille bhochd so; agus co am fear a bh’ ann ach fear an tighe. Thuirt a’ bhean, Ciod e an gille bochd a th’ agad an sin mu’n àm so dh’ oidhche, nach ’eil fhios agad nach b’ urrainn biadh a bhi bruich agamsa cho anmoch ’us so. Ach, arsa fear an tighe ri Iain, Ciod e an coileach a th’ agad an sin fo d’ achlais? Tha, ars’ Iain, fiosaiche. ’S e ’n coileach so tha ’g am chumail suas le ’chuid fiosachd. Cha b’ fhada gus an d’ thug Iain bruthadh air a’ choileach fo ’achlais, agus leig an coileach neo-choireach gog as. O, ciod e tha ’n coileach ag ràdh an dràst, arsa fear an tighe. Tha e ’g ràdh, ars’ Iain, gu’m bheil am preas beag ud thall lom-lán bìdh. Am bheil, arsa fear an tighe. ’S e sin a tha ’n coileach ag ràdh, ars’ Iain. Dh’ fhalbh fear an tighe agus dh’ fhosgail e ’m preas ’s bha e cho làn bìdh ’s a ghabhadh e. Thug fear an tighe a leòr do dh’ Iain d’ e. Ach coma, cha b’ fhada gus an d’ thug Iain an t-ath-bhruthadh air a’ choileach, agus rinn e gog eile ’g a ghearan fhéin. Ciod e tha ’n coileach ag innse dhuit an dràst, Iain, arsa fear an tighe. Och, och, is coma sin, ars’ Iain, tha e ’cantainn gu’m beil an t-abharsair fhein rùisgte fo ’n togsaid mhóir a th’ air meadhon an ùrlair. Innsidh mise, [TD 46] ars’ Iain, ciod a ni sinn: seas thusa aig an dorus agus thoir leat deagh bhata; agus an uair a thogas mise ’n togsaid, bheir esan an dorus air cho luath ’s a th’ aige, agus bi thusa cinnteach gu’n toir thu dha tarrainng mhaith de’n bhata ’s an druim. Rinn fear an tighe sud, sheas e ’s an dorus; agus a’ cheart cho luath ’s a chuir Iain car de’n togsaid, sud a mach an t-abharsair. Tharrainng fear an tighe am bata air cho làidir ’s gu’n do lean craicionn a dhroma ris. Thug an t-abharsair an t-sràid air dearg rùisgte mar a bhà e agus a dhruim air a bristeadh leis a’ bhuille a thug fear an tighe dha. Cha do thuig fear an tighe co b’ e an t-abharsair a bh’ ann—cha d’ aithnich e idir gur h-e bh’ ann fear de mhuinntir a’ bhaile a bhiodh a’ tighinn an còmhnaidh a dh-ionnsaidh a thighe a h-uile cothrom a gheibheadh e, ’s e sin, an uair a bhiodh fear an tighe o ’n bhaile. O, arsa fear an tighe, ’S ann agadsa ’tha ’n coileach fiachail, Iain—na ’n reiceadh tu rium fhéin e, bheirinn dhuit tri cheud punnd Sasunnach air. Ciod a ni mi fhéin, ’s gur h-e tha ’g am chumail suas le ’chuid fiosachd. Ro cheart, arsa fear an tighe, ach bithidh e fuathasach riatanach dhòmhsa a leithid a bhi agam. Tha mise coma o ’n is tu am fear a th’ ann, ars’ Iain, ged a bheirinn dhuit e air an tri cheud punnd Susonnach. Thug fear an tighe dhà an tri cheud agus thuirt e ri Iain, e dh’ fhuireach an oidhche sin ’s gu’m falbhadh e an là air n-ath-mhàireach. Cha robh Iain deonach fuireach leis an eagal bh’ air gu’n iarrtadh air a’ choileach fiosachd a dheanamh. Thug fear an tighe an coileach do’n mhnaoi gus a ghleidheadh. Dh’ fhalbh ise ’s chuir i an ciste mhóir e, ach, ciod a’s droch uair ach a dh’ fhàg i an ceann aige air taobh a muigh clar-uachdair na ciste, agus thachdadh e. ’S e Iain còir a bha toilichte ged a bha e ’cumail a mach ri fear an tighe gu’n robh e duilich; ach dh’ fhalbh e dhachaidh le ’thri cheud punnd Sasunnach. An uair a ràinig e ’n tigh bha Alastair ag itheadh bhidh, ’s dh’ innis e dha gu’n d’ fhuair’ ’e tri cheud punnd Sasunnach air a choileach. Is maith sin, ars’ Alastair; cumaidh sin suas sinn fhad ’s is beò sinn. O, ars’ Iain, cha laimhsich thu sgillinn ruadh dh’ e fhad ’s is beò thu, faigh rud dhuit fhein. An uair a chuala Alastair so smaoinich e gu’m falbhadh e leis an fhàradh. Rinn e sin agus a’ cheud bhaile mòr a thug e mach, chruinnich a’ chlanna bheag mu’n cuairt da, agus thòisich iad air a ribeadh thall ’s a bhos. Theich e as a’ bhaile so agus thug e baile eile air, ach ged a bhiodh e anns a’ bhaile fhathast cha ’n fhaigheadh e duine a bheireadh tairgse dha air an fhàradh. Bha ’n so an oidhche air tighinn, agus Alastair air ais ’s air aghart air feadh na sràide. Mu mheadhon oidhche chunnaic e solus ann an unnieig gu h-àrd os a chionn. Chuir e am fàradh suas ris a’ bhalla dh’ ionnsaidh na h-uinneig, ’s ciod a bha ’s an t-seòmar ach ceathrar bhaintighearnan ’n an suidhe mu’n bhòrd. Chual e an seanchas a bh’ ann, agus ’s e sin, thuirt an té bu shine dhiubh, nach b’ fhuilear leatha gu’n tigeadh làn basaidh de ’n bhlonaig aisde fhéin. Thuirt té de na baintighearnan a b’oige, gu’n robh gu leòr leatha fhéin làn truinnseir a thoirt aisde. Chual’ Alastair iad ag ràdh gu’m b’fhada leo bha ’n lighich gun tighinn, agus an ùine mhòr a bha o ’n a dh’ fhalbh fear an tighe g’ a iarraidh. Dh’ aithnich Alastair gur h-ann a’ feitheamh an lighich a bha iad, agus dùil aca ris a h-uile mionaid, los pairt de na bha annta de bhlonaig a thoirt asda; agus ciod a smaoinich e ach gu ’n gabhadh e stigh far an [TD 47] robh iad, agus gu ’n cuireadh e am fiachaibh dhoibh gu ’m b’ e e fhéin an lighich. Amhuil ’s mar a b’ fhior, ghabh e stigh. Shaoil leo-san gu ’m b’ e an lighich ’bh’ ann. Dh’ fhaighnich e dhiubh an robh iad deas. Thuirt iad gu ’n robh. Ma ta, ars’ Alastair, is obair gle dhuilich a tha sibh a’ cur mu m’ choinnimh-sa an nochd, ach is éudar gu’n deanar i air a’ shon sin. Cheangail e iad gu tòiseachadh ri toirt diubh na blonaig. Dh’ fhaighnich iad d’ e, c’ àite an d’ fhàg e fear an tighe. Ghabh e choimhead caraid ’th’ ann an àite tha ’n sud, ars’ Alastair, ’s o’n nach ’eil dùil aige tighinn dhachaidh an nochd, thuirt e riumsa sibhse dh’innseadh dhòmhsa an aite ’s am bheil an t-airgiod an gleidheadh. Tha eagal orm nach urrainn duibh innseadh dhomh an déigh a’ bhlonag a thoirt asaibh. Thuirt mi ris gur fichead punnd Sasunnach a bhithinn ag iarraidh air son mo shaothrach. An uair a chuala na boirionnaich so thuirt iad ris, tha preas an sin air do chùlaobh, agus so dhuit iuchair, ’s fosgail e. Ghabh Alastair còir an iuchair, agus dh’ fhosgail e ’m preas, ’s ciod e a fhuair e ann ach mile punnd Sasunnach, ’s a mach thug e cho luath ’s a bh’ aige. Ach cha b’ fhada gus an d’ thainig fear an tighe ’s ’an lighich, ’s mur do ghabh iad iongantas an uair a fhuair iad na baintighearnan ceangailte air meadhon an lobhta. Cuidich mise! arsa fear an tighe, ciod a tha sibh a’ deanamh ceangailte mar sin? Nach ’eil, ars’ iadsan, an lighich ’chuir sibh fhéin a thoirt dhinn na blonaig. An e mise? arsa fear an tighe; cha do chuir mise lighich ’s am bith thgauibh. Nach ’eil an lighich chaidh mise dh’ iarraidh agam an so. Dh’ aithnich na baintighearnan nach robh an Alastair ach am mealltair mór. Seall, ars’ iadsan, thuirt am fear a cheangail sinn an so gu’n d’ iarr thu fhéin air a radh ruinne, sinn a thoirt dha a thuarasdail. Dh’ innis sinn dha an t-àite ’s an robh an t-airgiod an gleidheadh, agus a’ cheart cho luath ’s a fhuair e e, am mach ghabh e. O! tha mise briste, arsa fear an tighe ’s e leum a dh-ionnsaidh an àite ’s an robh an t-airgiod an gleidheadh aige, agus fhuair e gu’n robh a h-uile sgillinn d’ e air a ghoid. O! am bheil fada o ’n a dh’fhalbh e, ars’ esan. Faighear each dhòmhsa, agus theid mi dh’ fheuchainn am beir mi air. Bha Alastair ùine mhaith air falbh mu’n am so; ach ged a bha, bha amharus aige gu’m biodh an tòir air. Thachair duine air aig taobh aimhne, agus e ’buain feòir. ’S eadh, ars’ Alastair, an dean thu fasdadh rium fad thri uairean an uaireadair, air chuig sgillinn Shasunnaich? Ni mi, ars’ an seann duine. ’S e an t-seirbhis a dh’ iarras mi ort, ma ta, ars’ Alastair, thu ’dhol air do dha ghlùn fad thri uairean a thim, agus gun aon fhocal a thighinn a mach as do bheul fad na h-uine; cuimhnich, ma their thu smid nach fhaigh thu sgillinn. Gu dearbh cha’n abair mise guth, ars’ an duine gus an ruith na tri uairean. Rach air do ghlùinean, ma ta, ars’ Alastair. Rinn an duine sud, agus thòisich Alastair air air cur an fheoir air a’ mhuin. Ach mar a bha an t-amharus aig Alastair, agus fios aige nach b’ fhada gus an tigeadh iad air a thòir, thòisich e air cur an fheòir air muin an duine mar gu’m biodh e ’deanamh cruaiche dh’ e. Amhuil ’s mar a b’ fhior, co nochd a’ tighinn air an rathad ach marcaich, agus is ann air fhéin a bha am fraoch. Dh’ fhaighnich e de dh’ Alastair am fac e duine dol seachad an rathad an diugh. Chunnaic mi, ars’ Alastair, [TD 48] agus ’s ann air fhéin a bha ’chabhag. O! am mèirleach bradach, ars’ am marcaiche, sin direach am fear a ghoid mo chuid airgid; an urrainn duit innseadh dhomh ciod e an taobh a thug e air? Is urrainn, ars’ Alastair; agus tha fios agam na’m falbhainn fhéin as a dheigh leis an each sin a th’ agad, gu’n deanainn a mach cia an taobh a thug e air. Falbh ma ta, ars’ am marcaich, agus beir air, agus bheir mi dhuit fichead punnd Sasunnach an uair a thig thu leis. Bi-sa ma ta, ars’ Alastair a’ deanamh gurrucaig de ’n fheur so gus an tig mi. Bithidh, ars’ am marcaich. Dh’ fhalbh Alastair; ach ma dh’ fhalbh cha b’ ann gu tilleadh ris a’ mharcaich. Ruith e’n t-each cho cruaidh ’s a bh’ aige; ach an uair a bha e gu bhi aig na tighean leig e an t-each as—bha e’n so cinnteach gu’n robh e sàbhailt. An uair a fhuair e am measg nan tighean, cha b’ fhurasda ’dheanamh a mach tuilleadh. Ach am marcaich ’dh’ fhuirich a’ deanamh na cruaiche feòir gus an tigeadh Alastair air ais, ’s e ghabh an t-uamhas an uair a thòisich a’ chruach air gluasad. Co bha ’toirt oirre ’bhi gluasad ach an seann duine a rinn fasdadh ri Alastair, an uair a shaoil leis gu’n robh na tri uairean air ruith. Ach bha am marcaich ’cumail na cruaiche fotha cho maith ’s a b’ urrainn da, gus mu dheireadh an do leig an seann duine an éigh “murt.” An uair chual ’am marcaich so, leig e leis an t-seann duine éirigh. An uair a dh’ éirich e, thòisich e air iarraidh a thuarasdail, agus e’n duil gur h-e Alastair a bh’ aige. Thuirt am marcaich ris, Cha’n fhaca mi riabh thu, dhuine. A thruthaire bhradaich, ars’ an seann duine, nach d’thuirt thu rium gu’n d’ thugadh tu dhoimh cuig sgillinn Shasunnach, na ’m fanainn an so fad thri uaireain an uaireadair gun smid a thighinn a mach as mo bheul. Cha d’thuirt mi, ars’ am marcaich. Nach ann agad a tha ’n t-aodann dalma, ars’ am bodach. An uair a chunnaic am marcaich na fhuair e de dhroch cainnt, rug e air a’ bhodach, agus rug am bodach air. Bha iad an so a’ gabhail da chéile gus an do leth-mharbh am marcaich am bodach. ’S e am marcaich bh’ ann an so fear an tighe as ’n a ghoid Alastair an t-airgiod. ’S e dh’ éirich do’n mharcaich gu’n deach a chur an làimh air son an diol a rinn e air a’ bhodach, agus fhuair e sia miosan priosain, a thuilleadh air a dheanamh a mach gur h-e Alastair a ghoid a chuid airgid. Bha coguis gle fharsainn aige—shaoil leis gu’n robh e onorach gu leòr dha airgiod an duine eile ghleidheadh. Cha’n fhac e sgàth lochd ann. ALTACHADH AN UISGE-BHEATHA. An uair a dh’ eireamaid gu moch, Mu’n rachamaid air fiar a mach, B’ ionmhuinn an spisearnach bruich, Do ’n siansireachd beirm a’s braich. Aithneasaich tha snuadhor glas, ’S ’n a chuir caoin ghriosach teas; Mac na cleithe ris a’ phrais, Bragairneach is cruighneach treis.’ Ogha ’chaochain an dara h-uair, Romh’n chleith luaith ’s a cursa cam; Spiorad cas an ic’ gun smur, A dh’ fheumas tuchadh air a cheann. Is caoranach an t-uisge cas, Canranach gun smuid fo theas; Craobh ad chridhe ga do mholadh, ’S do chneas ag comhdach do threis’. ’S grismhor garg an claigneach cruaidh, Sgailc nam buadh cha choir a chleith; Bidh e teith ri latha fuar, Agus fuar ri latha teith. [TD 49] EARAIL DO MHUINNTIR NA GAIDHEALTACHD MU’N GHAIDHEAL. A GHAIDHEIL URRAMAICH. Ceadaich dhomh beagan fhacal a chur an altaibh a cheile mu thimchioll na muinntir sin, mo luchd-duthcha, air son an d’rinn thu spairn chruaidh re nan tri bliadhna a chaidh seachad chum an ath-leasachadh ann an eolas, agus anns gach fiosrachadh feumail air son an staide. Tha na Gaidheil ’n an sluagh a tha comharraichte thair gach sluagh eile air aghaidh a’ chruinne a thaobh bhuaidhean eug-samhla a tha dluth-cheangailte riutha. Mur nach ’eil cearna de’n talamh anns nach faighear iad, cha’n eil cearna dh’e nach ’eil eolach air an deagh-ghiulan, an euchd, agus am mòr-ghniomh. Tha iad measail agus cliùiteach, agus air an aobhar sin, is lionmhor dichioll a rinneadh riabh, chum fuasgladh a thoirt dhaibh ’n an teanntachd, agus chum gach eòlas a chraobh-sgaoileadh ’n am measg. Nach mòr, ’s nach cudthromach an spàirn a rinneadh leat fein, a’ Ghaidheil ionmhuinn, ad chuairtibh lionmhor am fad ’s am farsuing, bho chionn thri bliadhna, a chum math do luchd-dùthcha a chur air aghaidh. Is iomadh là fliuch, fuar a thug thu na raointean ort. Is tric a bha thu air do chlaoidh le h-ànradh ’s le doininn. Is minic a chaidh tu air cuan-thuras a chum dùthchanna cein, gu greim fhaotainn air sliochd nam beann anns na criochaibh farsuing sin, agus chum comhairle a thoirt orra, agus an leas is fhearr a dheanamh follaiseach dhaibh. Bha thu riabh a’ giùlan nithe matha agus tarbhach ad lorg. Cha robh do lamh riabh falamh, no do chridhe riabh a dh-easbhuidh deagh-dhùrachd a thaobh na muinntir sin d’am beil mor-speis aig gach neach a tha eolach air na feartan lionmhor a bhuineas daibh. Agus cha’n e sin a mhain, ach chaidh tu air do chuairtibh re an da mhios a chaidh seachad le h-uallaich dhubailte air do ghuaillean,—uallach a bu leoir, mur b’e gu’m bu Ghaidheal thu, gus do leagadh sios, agus do phronnadh gu duslaich agus gu luaithre! Ach dh’ fhuilig thu gach cruaidh-chas de’n ghnè so, leis an durachd leis an robh thu air do dheachdadh air son leas nan Gaidheal. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil iad toillteanach air gach ni a rinneadh riabh air an son, an da chuid leat fein, agus le móran eile a chaidh air an cuartibh air thoiseach ort. Bha iad gu minic an airc ’s an eigin,—an gainne ’s am bochduinn, ach nochdadh trucantas leis na miltibh d’an taobh-san, do bhrigh gu’n robh iad riabh ainmeil agus measail. Rinn cruadal agus dillseachd nan gaisgeach so an cliù a sgaoileadh thair aghaidh an talmhainn gu leir! B’iadsan gu sònraichte luchd-dion na righeachd. Bha co-’roinn urramach aca an còmhnuidh de gach blàr deistinneach agus cath fuilteach, a chuireadh air son an righ, agus an dùthcha.—an saorsa agus an lagha. An aon fhacal, cha d’ thug saighdairean na b’ fhearr riabh aghaidh do nàmhaid, oir bha iad riabh dileas, fad-fhulangach, gaisgeil. Air do’n chùis a bhi mar so, thugam earail dhùrachdach do m’ luchd-dùthcha gu leir, air feadh gharbh-chrioch na h-Alba, agus anns gach cearna eile de’n t-saoghal, do bheatha-sa altachadh leis gach deagh-rùn ’n an comas. Ge b’e àit’ anns am beil iad,—an America, no an Australia,—no ’s na h-Innsibh Near no Niar,—no eadhon an China iomallaich,—deanadh iad sòlas do-labhairt. An uair a ruigeas an Gaidheal iad, thugadh iad caidreamh, agus aoidheachd-chridhe dha, agus deanadh iad gach innleachd agus strith ’n an comas [TD 50] chum a làmh a neartachadh, a mhisneach a bhrosnachadh, agus a shlighean ’n am measg a dheanamh réidh, taitneach, agus buan-mhaireannach. Ma dh’ fhosgaileas muinntir na Gaidhealtachd an sùilean, chi iad gur caraid dileas thu, agus aoidh a tha air gach seòl taitneach. O, bu tu an caraid caomhail, aig am beil an da chuid mor-eolas, agus mòr-dhùrachd gu bhi ’g a chomh-phairteachadh am measg nan aineolach. Is aoidh thu a tha air gach seòl ro thaitneach, agus b’olc an airidh gu’n rachadh grabadh no moille sa bith a chur ort ad chuartibh. Cha’n àill leat am baile fhàgail ach uair ’s a’ mhios; ach an uair a theid thu a mach, is lionmhor do naigheachdan, agus is binn, blasda an seòl air an aithris thu iad. Tha ’chainnt a tha thu a’ gnathachadh soilleir agus drùighteach,—cainnt Oisein agus Fhinn,—agus càinnt aig nach ’eil coimeas idir a thaobh òirdheirceis, aoise agus cumhachd. Ach a Ghaidheil ionmhuinn, cha’n e mhàin gu’m beil do chainnt gun choimeas òir-dheirc agus cumhachdach, ach tha’n rùn leis am beil thu a’ dol air do chuairtibh gu’n amhuras cliu-thoillteanach. Is e do mhiann agus do thlachd dol a dh’ amharc air do luchd-duthcha gu leir, biodh iad ard no iosal, bochd no beairteach, chum iadsan a tha mi-churamach a theagasg,—agus iadsan a tha aingidh a dhusgadh, gu h-aithreachas. Tha’n t-eòlas agad domhainn agus mòr,—agus tha’m fiosrachadh agad farsuinn, fallain, agus ioma-ghnèitheach. Air uairibh labhraidh tu air blaraibh fuilteach.—air na Cinn-fheadhna a bha ann bho shean,—air na tagluinnean deistinneach a bha eadar na Fineachan Gaidhealach, agus air eachdraidh nan linn a dh’ fhalbh. Air uairibh eile, tha thu togail d’ inntinn bharr an talmhainn, agus ag innseadh do d’ luchd-duthcha mu gach grein, ’s gach gealaich, ’s gach reult, agus gach cruinnmheall soillseach a tha gluasad ann an gorm-astar nan speur. Tha thu a’ cur an ceill am buaidhean, am meud, an airimh, an astair bho chéile, agus gach ni eile mu’n timchioll. A ris, tha thu deònach air fios a thoirt mu thiomchioll gach oibre, gach innleachd, agus gach ealdhain a tha ’g am faotuinn a mach air feadh na righeachd,—agus mu thimchioll naigheachdan na duthcha, agus gach sgeoil a tha teachd á tiribh an cein. Air gach ni tha do chomhairle ’s fhearr deas, agus daibhsan a bheir cluas d’i bheir thusa seachad i le durachd ’s le deagh-ghean. Dhaibhsan a tha dol air imirich á duthaich am breith thair chuantan farsuinn, tha thu ’toirt rabhaidh agus earail, agus ag innseadh dhaibh gach ni mu’n tir chum am beil a mhiann orra dol. Tha thu air gach seòl taitneach, agus os ceann gach ni eile, tha do chòmhradh mu na cùisean so gu léir so-thuigsinn agus subhailceach, firinneach agus treibh-dhireach. Gun teagamh is e do mhiann a bhi “’s an uile chruth do na h-uile, chum air gach uile dòigh” gu’n craobh-sgaoil thu gach eòlas am measg do luchd-dùthcha. Cha mhath leat dol a mach air do chuairtibh gu’n a bhi air gach seòl deas air son na slighe. Air an aobhar sin tha cuid ann d’am beil e’n a ni taitneach a bhi ’deanamh cuideachaidh leat air son an turais. Tha seann Renton a nis ann am Brodick, do ghnàth ad fhochair, gu h-ullamh, eallamh, deas-chainnteach chum clach a chur ad charn. Tha mar an ceudna sgaoth eile dhiubhsan a bha cuideachadh leat roimhe, deas chum an ni ceudna a dheanamh a ris. Is taitneach gu’m beil an t-Olla Mac-Lachlainn a’ teachd air aghaidh le a thréun-chòmhnadh, agus an t-Olla Masson, companaich dhileas, agus luchd- [TD 51] cumail suas searmonachaidh na Gailig ann am priomh-bhaile na righeachd. Tha dòchas agam nach treig Bun-Lochabar thu le’ theangaidh thlà agus ealanta. Tha e cinnteach nach treig an seann Sgiathanach thu, am feadh ’s a ruitheas an fhuil rioghail ’n a chuislean. Ni mo a threigeas Alasdair Ruadh thu, oir tha e a’ cur mòran bheannachd ad ionnsuidh, agus ag iarraidh innseadh dhut nach ’eil Murachadh Bàn agus Coinneach Ciobair marbh fhathast; ach chum an tròm-ghaillionn shneachda aig a’ bhaile iad le cheile, agus cha do chòmhlaich iad chum comhraidh. Ach tha dòchas agam gu’m beil là math a’ teachd. A nis, a Ghaidhil choir, an deigh na tha thu a’ cur romhad a dheanamh air son math do luchd-duthcha, bhiodh e nàr ri innseadh gu’m faicteadh aon ’n am measg caoin-shuarach cia aca a ruigeas tu iad no nach ruig. Tha costas mor ad lorg, costas nach tuig a h-uile fear, ach an déigh sin uile, bu bheag agus b’ éutrom e air gach aon fa leth, na ’n roinneadh iad ’n am measg fein e. Rachadh iad ’n am buidhnibh anns gach sgireachd, agus rachadh seisear anns gach buidhinn, agus cha ruig an costas ach sgillinn Shasunnach air gach fear ’s a’ bhliadhna, no sgillinn ruadh ’s a mhios! Cha shòradh aon anam de shliochd nam beann sgillinn Shasunnach a chur a mach na’n comhlaicheadh e caraid aig tigh-osda; agus cha bu mhòr da sgillinn bhochd ruadh ’s a’ mhios a chumail as an tombaca, chum an earrann aige dhe’n chostas iocadh. Tha na Goill a’ cumail suas nam ficheadan de na paipeirean luideagach, leathann, libheagach, Gallda aca fein, agus is truagh, duilich an ni e mur cum sliochd nam beann suas aon Ghaidheal cuimear, ceanalta, eireachdail, mar dhuin’-uasal fòghluimte, chum gach eolas fo’n ghrein a sgaoileadh air am feadh ann an canan brighmhor am mathar fein. Gabhadh iad rabhadh ’n a ’thrath, agus thugadh iad dearbhadh seachad gu’m beil iad glic air an son fein. Is math leam nach tuig na Goill a’ Ghailig, air eagal gu’m biodh fios aca gu’m beil sliochd nan Garbh-chrioch cho caoin-shuarach mu’n leas fein. Smuainicheadh iad gur Gaidhil iad fein, agus gur Gaidheal, agus fior charaid nan Gaidheal thusa, agus thugadh iad uile deagh-mhisneach dhut gu bhi ’dol air chuairt orra aireamh mhor de bhliadhnaichean le d’ sgeoil thaitneach, fhallain. Ach, a Ghaidhil ro ionmhuinn, gabh mo leisgeul, chum mi tuilleadh ’s fad thu. Saoghal fad agus deagh bheatha,—agus bliadhna mhath ur dhut,—oir “an là a chi ’s nach fhaic,” ’s e so fior dhurachd an t-seann SGIATHANAICH. SOP AS GACH SEID. ’S e an ceò geamhraidh a ni an cathadh earraich. ’S i an Nolluig dhubh a dh’fhàgas an cladh miath. Oidhche Sheann-Challainn bu mhath leis an t-seann-shluagh gu’m buaileadh cuileann a’s calltann a chéile. Cha robh samhradh riabh gun ’ghrian, Cha robh geamhradh riabh gun smal; Cha robh Nolluig mhor gun fheoil, ’S cha bhi bean òg le ’deoin gun fhear. Ma ’s math leat do mholadh, faigh bàs; Ma ’s math math leat do chaineadh, pòs. Dian do ghearan ri fear gun iochd, ’S their e riút—Tha thu bochd. Na geill do ghis, ’s cha gheill gis dut. Cha tugainn m’ fhalt a mach Dihaoine, ’S dhianainn m’ ingnean maol Diluain, ’S shiubhlainn an sin bho chuan gu cuan. The tri la Iuchair ’s an Fhaoilleach, ’S tri la Faoillich ’s an Iuchair. Faoilleach, Faoilleach crodh am preas, Gal a’s gaoir nitear ris. Ruinn nathrach ’s earball peucaig air an earrach. [TD 52] EILIDH CHAMARON. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. [Ceòl] BHA am Bàrd, aig an àm a rinn e an t-òran ciatach so, a’ fuireach ann an tigh a’ Bhàillidh Chamaroin ann an Coir’-uanain. Air madainn latha na bliadhn’-ùire chuir a h-athair a stigh Eilidh, agus i ’n a caileig òig, do sheòmar a’ Bhàird, le botul ’n a laimh, a thoirt dà a Challainne. An uair a dh’ éirich am “filidh barraichte,” agus a thàinig e stigh thun a’ bhùird còmhladh ri muinntir an tighe, thog e Eilidh bheag, bhòidheach air a ghlùn a’s sheinn e an t-òran so an làthair na cuideachd. FONN.— Air fàill ill ó na hùg oirionn ó, Air fàill ill ó na hùg oirionn ó, Air fàill ill éile na hiùrabh ho-ró, Gaol nan cailin, ’s gur a tù i. Maighdean ùr nan dlùth-chiabh fàinneach, Eilidh Chamaron, nighean a’ Bhàillidh; Binn mar théud na fìdhl’ a gàire— Chiad là ’n bhliadhna diolam dàn d’ i. Tha mo ghaol air do chùl dualach, ’S do bhéul meachair dh’ fhàs gun ghruamain; Na ’n ruigeadh do cheann mo ghuallainn, Dhianainn strìth m’ an leiginn bhuam thu. Bu tù n’ t-sóbhrach gheal-bhuidhe, ghreannar, Dh’ fhàs a suas mu bhruaich nan alltan, Neòinein ùr nan lòintean gleannor, Réul air dhreach na maidne samhraidh. ’Seang-chorp sùnndach, aotrom fallain; Craicionn sneachd mar chneas na h-eala; Miann gach stàid’ is àird' air thalamh, Bhi ’n caoimhneas-gràidh do dhà shùil mheallach. Deud geal ìbhridh, dìonach, snaidhte, ’S bòidhche fiamh na sgiamh na cailce; Bialan siùcair—òigh na maise! ’S binne ’ceòl na smeòrach mhaidne. Mar phéucaig chiataich fiamh do mhala; Dà shuil ghorm fo chaol-rosg tana; Làn do shùl mar dhruchda meala— Dhianadh do rùn an diùc a mhealladh. Eilidh Chamaron, ’s tù tha bòidheach, ’S do dhà ghruaidh cho dearg ’s na ròsan: Pòg mar shiùcar—rùn gach oigeir; ’S gile do chneas na sneachd nam mòr-bheann. Sud mo dhùrachd dhut gu toileil, Am meas, ’s am mùirn, an cliù, ’s an onair; Buaidh do d’ shliochd, ’s mo shliochd-s’ an con-àgh. Mar choill ùir a’ brùchdadh toraidh! ’S lionmhor buaidh a fhuair an ainnir Bho ’n chiad là ghluais i ’n tùs air thalamh. Am mìle trian cha dianainn ’aithris, Ged bu leam na ciada teanga! [TD 53-64] THE GAEL. ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 65] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] CEUD MHIOS AN EARRAICH, 1875. [39 AIR. SEAN-FHOCAIL. III.—AN NI A CHI NA BIG, ’S E NI NA BIG. Anns an t sean-fhocal, “Bu dual da sin,” chunnaic sinn beachd ar n-aithrichean mu thimchioll feartan cuirp ’us inntinn a bhi ’ruith ’s an fhuil; agus cho daingean ’s a bha ’n creidimh ’n am measg gu’m bu tiugha fuil na bùrn. Tha teagasg eile air a thoirt f’ar comhair ’s an t-sean-fhocal, “An ni a chi na Big ’s e ni na Big,”—teagasg a tha fior chudthromach anns gach àm ’s anns gach àite, ach gu h-araid ’n ar latha-ne an Gaidhealtachd na h-Alba,—agus ’s e sin a’ bhuaidh inntinn a tha anns an duine gu bhi leantainn eisempleir, agus gu sonruichte cumhachd na buaidh thairis air inntinn nan òg. Tha iomadh Sean-fhocal againn a tha dearbhadh an luach a bha ar n-aithrichean a’ cur air Iunnsachadh ’us Foghlum, “Cha’n fhiosrach nach feoraich,” “Deireadh an là, ’s maith na h-eolaich,” “Is trom geum bò air a h-aineol,” “Ma bhitheas aon chron ’s an eolach, bithidh dhàdheug ’s an aineolach,” “Is trom an èire an t-aineolas;”—ged is eigin aideachadh gu’n robh ’s gu bheil na Gaidheil air deireadh air na Goill ’n an eud air son teagaisg cloinne gu h-araid ’s an sgoil. Na ’m b’e so an t-àm ’s an t-àite, dh’fhaodte aobhar no dhà a thoirt seachad ann an rathad leth-sgeil air son an deigh-laimh so am measg ar luchd-duthcha. ’S e ar dleasdanas an traths’ a bhi ’g amharc air an riaghailt-theagaisg a th’air a chur f’ar comhair anns an t-Sean-fhocal. Cha robh ach aon uair eile ann an Eachdraidh na h-Alba, agus cha robh uair idir ann an Eachdraidh na Gaidhealtachd, a bha inntinnean dhaoine air an dusgadh gu bhi feoraich mu’n doigh-theagaisg is freagarraiche mar tha iad o chionn beagan bhliadhnachan. Cha ’n ’eil paipeir-naigheachd ’s an amhairc sinn, nach ’eil moran deth air a thogail le Buird sgoilean ’s le Maigstirean-sgoil—an cuisean ’s an connsachaidh. Tha de sgoilean ùra ’g an cur suas, is gu bheil an costas air fhaireachdain trom gu sonruichte ’s a Ghaidhealtachd. Bhiodh e ro fheumail, ma ta, gu’m biodh beachdan soilleir ’us cothromach againn air na ’s urrainn an sgoil a thoirt seachad, ’s air a’ mhodh-theagaisg is freaearraiche ’n ar tìr. Ach cha ’n ann mu “na Big” a mhain a tha ’n Sean-fhocal fior. Tha bhuaidh a tha ’n Sean-fhocal a’ cur an cainnt a’ leantuinn ris gach creutair rè am beatha, ged tha i na’s comharraichte anns “na Big.” Ann an rathad a bhi leantuinn eisempleir, tha ’n duine cosmhuil ris a’ chaora. Deanar a cheud bhriseadh, agus leanaidh an duine, mar a’ chaora, ged a b’ ann g’ a chunnart. Is ann o’n bhuaidh so a tha moran d’ar cleachduinean, d’ar beachdan, agus eadhon d’ar n-aidmheilean ag eirigh. Nach ’eil moran diu mu nach urainn sinn aobhar a thoirt seachad ach gu’n [TD 66] d’ iunnsaich sinn òg iad, no gu’n robh iad aig ar coimhearsnaich? Mu thimchioll an roinn is mo d’ar beachdan, cha ’n e “ciod e cho fior,” ach “ciod e cho fasanta” ’s a tha iad is trice a dh’ fheoraicheas sinn. Thug ar n-aithrichean deagh aire do’n bhuaidh so an inntinn an duine, mar tha na Sean-fhocail a’ dearbhadh: “An ni a chluinneas na Big, ’s e chanas na Big;” “Tairgnidh gach neach ri ’choslas;” “Seididh aon sroin shalach an clachan;” “Ma their mi fein ‘thu ’ri m’ chù, their a h-uile fear e;” “Miann an duine lochdaich, càch uile ’bhi amhluidh;” “Is uasal mac an uasail an tir nam meirleach;” “Cuir innte, ’s cuiridh an saoghal uimpe.” ’S e is brigh dha so uile gu bheil an duine gu nadurra teom air Eisempleir a’ leantuinn, co-dhiu tha i maith no olc,—gu bheil buaidh na h-Atharrais am measg nan cumhachdan is bunaitiche ’s an inntinn. Gheibhear an Sean-fhocal so, air aon doigh no doigh eile, anns gach canain ’s anns gach tir. Cha ’n ’eil canain ’s an Roinn-Eorpa, marbh no beo, anns nach ’eil neart na firinn a tha ’n Sean-fhocal a’ cur an ceill, air aideachadh “gu minic agus air iomadh doigh.” Chaidh a’ bhuaidh-inntinn a tha ’n Sean-fhocal a’ comharrachadh a mach a mhineachadh ’s a shoillearachadh leis gach fear-teagaisg a ghabh os laimh nadur an duine a’ rannsuchadh ’s na laghannan a tha riaghladh na h-inntinn a’ lorgachadh g’ an cul. Gheibh sinn air uairean inntinn an duine air a coimeas ri ceir, air a bheil an saoghal mar sheula a’ dealbhadh gach smuain ’s gach faireachduin; air uairean eile ri sgàthan a tha ’tilgeadh air ais ceart dhreach nan cuspairean a chuirear fa comhair; ach mar is trice ’n a cumhachd beo, le laghannan suidhichte a’ riaghladh a’ chuirp, a’ stiuireadh na toil, a’ cumadh an t-saoghail, ’s a’ deanamh a bheatha fein so-thuigsinn do’n duine. Is cainnt shamhlachail so; agus tha e feumail a chuimhneachadh gur ann an cainnt shamhlachail a mhain is urrainn duinn labhairt mu’n inntinn. Cha ’n ’eil ar briathran ach ann an tomhas fior an uair a tha sinn ’g an cleachdadh ann an seirbhis na rioghachd neo-fhaicsinnich so; oir rugadh ’us bhaisteadh iad ’n an iochdarain an t-saoghail mu’n cuairt duinn, agus tha cruth na tire d’am buin iad ’g an leantainn. Ged is e inntinn a thug an Saoghal gu bith, ged bhitheas inntinn buan-mhaireannach an uair a theid an Cruinne-cé ’n a smàl, ged tha sinn a’ creidsinn nach ’eil anns a’ Chruthachadh fhaicsinneach ach sgail na h-Inntinn neo-fhaicsinnich a chruthaich e, ’s a tha ’g a chumail suas, gidheadh is ann an cainnt a th’air a cumadh ris na chi an t-suil ’s na laimhsicheas an lamh a tha sinn a mhain comasach air labhairt mu inntinn. A thuilleadh air so, ciod e inntinn innte fein, no ciod e corp ann fein, no ciod e gne a’ cho-cheangail eadar an inntinn ’s an corp, cha tuig mac an duine. Ciod e spiorad, cha leir dhuinn; ’us ciod e feoil, cha ’n aithne dhuinn. Gun teagamh “is uamhasach, iongantach a dhealbhadh sinn;” agus feudaidh sinn le firinn a radh gu bheil sinn na ’s aineolaiche oirnn fein na tha sinn air an talamh fo ar casan, no air na speuran os ar cionn. Ach ged nach eil fios againn co dheth a tha ’n aitreibh mhiorbhuileach so air a deanamh suas, tha sinn comasach air eolas fhaotainn air moran d’a feartan a reir mar tha i ’n a h-oibreachadh ’g a foillseachadh fein duinn. Tha sinn a’ cleachdadh a bhi mar so a’ labhairt mu’n Reusan mar a’ smuaineachadh, a’ breithneachadh; mu’n Toil a’ sonruchadh; ’s mu’n Chridhe a’ faireachduin; ach tha e cosmhuil nach ’eil bunait sheas- [TD 67] mhach aig an doigh chainnt so. Bithidh sinn mar an ceudna ’labhairt air buaidhean ’us ceud-fàithean na h-inntinn; ach is cainnt shamhlachail a tha sinn ag uisneachadh. Tha ’n Inntinn gun teagamh, mar is lèir dhuinne, “’n a h-uile anns na h-uile;” ach ’n a h-aon, do-roinnte, do-sgarte. ’S e an aon Inntinn do-roinnte, do-sgarte so, a tha ’g oibreachadh air caochladh dhoighean, ’s a tha ’g a foillseachadh fein duinn a’ smuaineachadh, a’ breithneachadh, a’ dealbh, a’ sonruchadh, ’s a’ faireachduin. Tha na roinnean a tha sinn mar so a’ deanamh feumail agus freagarrach, a chum a bhi ’gleidheadh ordugh agus loinn ’n ar n-eolas, agus eadhon ’n ar gnothuichean, ach feumaidh sinn an comhnuidh a chuimhneachadh, gu bheil ar roinnean fior a mhain ann an oibreachadh na h-inntinn, agus nach eil aite aca ann an aitreibh na h-inntinn fein. Bhitheadh e cho ceart duit a’ radh gu bheil uiread lamhan agad ’s a tha de chaochladh ghniomhan ann ris an cuir thu do lamh gu h-ealanta. Cha ’n ’eil ach aon lamh ann; ach feudaidh iomadh ceird a bhi air an aon laimh. Air a cheart doigh, cha ’n ’eil ach aon Inntinn ann, ged is lèir dhuinn a h-oibreachadh air iomadh caochladh doigh. Am measg nan laghannan d’am bheil an Inntinn ’n a h-oibreachadh a’ geilleadh, cha ’n ’eil aon, ma dh’ fhaodte, a tha faighinn umhlachd cho iomlan, no aig a’ bheil uachdranachd cho farsuing ris an lagh a tha ’n Sean-fhocal a’ cur an cainnt. Tha tus ar n-eolais a’ co-sheasamh anns a’ chomas a th’aig an Inntinn air aire a thoirt do chuspairean a tha cosmhuil ri cheile, ’s an da chuid an coslas ’s an eu-coslas a ghleidheadh air chuimhne. Agus ceart mar a chi sinn gu bheil inntinn an fhir-cheird a’ faighinn toileachas ann a bhi ’leantuinn a dhreuchd, mar a tha ’lamh ag iunnsachadh teomachd; tha gach slighe air an toir thu comas do’n inntinn a bhi ’siubhal a’ fas soilleir d’i; agus a thuilleadh air so, tha gach ceum a bheir thu anns an t-slighe a’ dusgadh suas iarrtas air a bhi ag imeachd innte. Chi sinn mar so gu bheil a’ bhuaidh bhunaiteach, dhiomhair so, a’ filleadh a stigh innte fein cumhachd a tha toirt barantas dhuinn air a seasmhachd. Le cleachduin tha ’n t-saothair a’ fas taitneach, agus tha miann air a ghintinn ’s an inntinn gu bhi ’buanachadh ’s an t-saothair. ’S ann do bhrigh firinn na buaidh so a thuirt an t-aon a bu doimhne ’rannsuich inntinn an duine riamh, nach ’eil ann an Deadh-bheusach Cleachduin. Agus is ann le fior-fhiosrachadh air neart na ceart bhuaidh a thuirt na Sean-daoine: “’S e ’n t-iunnsachadh òg a bhitheas ealanta,” “Is duilich toirt o’n laimh a chleachd.” Cha ’n ’eil ach ceum beag eadar Cleachduin ’us Eisempleir. Is dà phiuthair iad—nigheanan na h-aon Mhathar. An ni a tha thu fein a’ deanamh, ’s e sin do Chleachduin; an ni a tha do choimhearsnach a’ deanamh, ’s e sin d’ Eisempleir. Gheibh thu toilinntinn a’ d’ ghniomh fein le bhi tric ’g a dheanamh; gheibh thu toilinntinn an gniomh do chomhearsnaich le bhi an comhnuidh ’g a fhaicinn. ’S e ’n aon bhuaidh inntinn a ni cinnteach nach diobair thu do Chleachduin fein, ’s gun iunnsaich thu Eisempleir do choimhearsnaich. Tha e so-thuigsinn, ma ta, gu’m biodh buaidh aig a’ bheil aite cho bunaiteach an inntinn an duine, a’ riaghladh a’ chinne-daonna o thoiseach an t-saoghail. Ach tha e dlu air bhi do-thuigsinn, mar tha e gun teagamh do-innseadh, an cumhachd a th’ aig cleachduin ar coimhearsnaich thairis air ar caithe-beatha. Cha mhor an aireamh, agus is coma ged nach mor, a tha cho neo-mhoth- [TD 68] achail air Eisempleir mhaith no olc ’s a bha clann fir Ruspuinn, ma ’s fior Rob Donn: “Bu daoine nach d’ rinn briseadh iad Le fiosrachadh do chach, ’S cha mho a rinn iad aon dad Ris an can an Saoghal gras; Ach ghineadh iad, ’us rugadh iad, ’Us thogadh iad, ’us dh’ fhas; Chaidh stràc de’n t-saoghal thairis orr’ ’S mu dheireadh fhuair iad bas.” “Tha ’n Saoghal air a’ riaghladh le Gliocas, le Ughdarras, agus le Eisempleir;” b’e so beachd duine cho geur ’s cho fiosrach ’s a chunnacas ’s an Roinn-Eorpa o chionn iomadh linn. Agus nach feudar a’ radh gur e, mar is trice, Eisempleir is cumhachdaiche de’n triuir. Nach tric a chunnacas ann an Eachdraidh an t-saoghail tàir ’g a dheanamh air comhairle ghlic, dùlan ’g a thoirt do ordugh an Rlgh, ach c’uin no c’aite nach faighidh Eisempleir eisdeachd agus umhlachd. Cha ’n e Reusan no Reachd, ach Abhaist d’am bheil sinn ullamh gu striochdadh. Cha ’n e Feachd ach Fasan nan Greugach a chiosnaich na Romanaich. Agus o chionn iomadh bliadhna nach e Fasan is cumhachdaiche na Firinn ’s an Fhraing. Ciamar a thuigeas sinn iomadh cleachduin a ghleidh an lamh-an-uachdar ann an iomadh duthaich rè iomadh linn, a dh’ aindeoin solus an Reusain, ughdarras an Lagha, agus faobhar a Chlaidheimh, gun a bhi ’cumail air chuimhne buaidh na h-Abhaist thairis air inntinn an duine? Cha mhor dhaoine no chinneach, tha mi meas, a tha toirt barrachd ughdarrais do Abhaist no do Chleachduin, na tha ’n Cinneadh Gaidhealach. Gun teagamh cha ’n ’eil, ’s cha robh sinn cho umhail do lagh na Rioghachd ’s a tha sinn do bheachd ar n-aithrichean ’s ar coimhearsnaich. Is e ar n-uaill nach striochdamaid do chumhachd choigreach; ach nach dearbh moran d’ar cleachduinean ’s d’ar beachdan gu’n d’ thug sinn iomadh uair umhlachd thoileach do chomhairlean faoin, do theagasgan meallta, ’s do eisempleir neo-thoinisgeil ’n ar duthaich fein. Feudaidh e bhi gur ann do bhrigh ’s gu bheil o chionn iomadh ceud bliadhna ar coimhearsnach ro-chumhachdach air ar son, a tha sinn cho amhurusach air gach seoladh ’s gach ordugh a ghheibh sinn o’n Ghall. Tha mi de’n bheachd gu’n do chuidich ar n-eachdraidh anns a cheum so cumhachd na tuigse a’ lagachadh ’n ar measg. A dh’ aon ni, cha ghabh sinn ri sochairean fein gun taing. Cha ’n eisd sinn ri Gliocas ma bhitheas claidheamh ’n a dorn. Cha b’urrainn an t-arm dearg a bhrigis a chur oirnn; ach an ni a dh’ fhairtlich air Saighdearan, bha e so-dheanta do Thaillearan. Agus nach eigin aideachadh gu faigh Faoineas fardoch ’n ar measg ma labhras i miodalach ruinn. B’usa leinn riamh beum claidheimh na beum teangadh fhulang. Far nach buadhaicheadh Feachd, bhuannaichdeadh Fanoid. Nach ’eil e fior gun geill sinn do fhear a’ bheoil mhilis, gun a theachdaireachd a’ rannsachadh ro dhluth, air thoiseach airsan a bheir an comhnuidh seachad an fhirinn, searbh air uairean mar a dh’ fheumas i bhi. Bha Bard nach cualas ainm a mach à Sgireachd fein a’ gearan air a choimhearsnach air son e bhi ro theom air innseadh bhreug, ach “Dh’ innseadh tu cho briagh iad, ’S nach iarruinn ach bhi d’ eisdeachd,” arsa ’m Bard, ann an rathad leth-sgeil. Tha mi meas gu’n do chuir am Bard sios anns an rann so, cainnt a tha fior mu mhoran d’ar luchd-duthcha. ’S ann mar is trice ann an rathad rabhaidh a chluinneas sinn an Sean-fhocal air a thoirt air aghaidh. [TD 69] Ach tha a theagasg cho fior agus cho feumail ann an rathad misnich. Mar a chi thu Tigh-soluis a’ comharrachadh do ’n Mharaiche an dà chuid cunnart an Rugha ’us tearuinteachd a’ Chaoil; gheibhear Eisempleir a’ tilgeadh soluis air “slighe fhiar nam peacach baoth,” a tha ’treorachadh gu sgrios, ’s air slighe dhirich an fhirein d’ an crioch “a’ bheatha mhaireannach.” Gun teagamh sam bith, cha ’n ann an solus an là, le gaoith an cùl nan seol, ’s aig caladh tearuinte, a dh’ iunnsaicheas am Maraiche an t-seoltachd, a’ chruadail, ’s an earbsadh, a stiuireas long gu sabhailte ri oidhche dhoinneannaich roimh chuan buaireasach, no seachad air cladach cunnartach; ’s cha mho is ann gun iomadh tuisleachadh ’us tuiteam ghoirt, a gheibh an t-Ionracan an inntinn fhallain, na tograidhean cothromach, ’s an toil sheasmhach a bheir tearuinte e roimh amhuinn theinntich na beatha; ach ann an iunnsachadh nan òg, tha e air aideachadh air gach laimh, gu bheil e na ’s freagarraiche eisempleir mhaith a chum a leantuinn a chur f’an comhair, na droch eisempleir a chum a seachnadh. Am measg nan Sean-fhocal a tha f’ar comhair an traths, ’s a tha gu leir a buntainn ri teagasg an t-sluaigh, tha e comharraichte nach eil ach aon, “An ni a chluinneas na Big ’s e chanas na Big,” a’ toirt air aghaidh buaidh Cainnt airson teagaisg; tha cach gu leir a’ toirt f’ar comhair buaidh Gniomh. Bha ar n-aithrichean ceart. “’Se Beul a labhras; ach ’s e Gniomh a dhearbhas.” Tha Comhairle mhaith luachmhor; tha Eisempleir mhaith na ’s luachmhoire. Is ro fheumail Beachdan cothromach; tha Gluasad ceart na ’s ro fheumaile. Chaidh cliu nan Gaidheal air son iomadh deagh bhuaidh am fad ’s am farsuingeachd. Sheirm iad fein i, ’s sheirm daoine eile i. Ach cha b’ ann airson meud ar n-eolais a bhuannaichd sinn cliu am measg nan sluagh. Cha b’ ann ’s an Sgoil a dh’ iunnsaich sinn na cleachduinean a choisinn urram o chairdean ’s o naimhdean. Ach cha robh sinn gun luchd teagaisg ’s an àm a dh’ fhalbh. Bha deagh eisempleir ’n ar dachaidhean; agus bha cliu nan daoine o ’n d’ thainig sinn, an rann ’s an sgeul, gu tric ’n ar cluasan. Ma dh’ fhaodte nach coisneadh an t-eolas so àite urramach dhuinn o ’n bhaile; ach gun teagamh dheanamh e earbsach sinn gu ’n gleidheamaid an t-àite na ’m faigheamaid e. Tha sinn an dochas gu ’n lean deagh eisempleir na dachaidh; ach tha ’n rann ’s an sgeul air dol a fasan. Bhiodh e duilich mur tig na ’s fearr ’n an aite. “An ni a chi na Big, ’s e ni na Big,”—gu ma fada a bhitheas deagh eisempleir air a’ cur fa chomhair nan òg. “An ni a chluinneas na Big ’s e chanas na Big,”—nach duilich gur eigin a chur an cuimhne ar luchd-teagaisg gu’m feum “na Big” tuigsinn cho math ri cluinntinn mu ’n can iad. D. M‘K. SGOILEARACHD NA POIT. Fonn—Copenhagen Waltz. Ma bhios duine fuireach Fada mach ag òl, Oidhche shleamhainn reòt’, Caillidh e a threòir, Agus bidh e, bharrachd, Ann an cunnart mòr Tuiteam air a shròin air an làr: Géillidh a dha spòig, Sléuchdaidh e do’n Phòit, Caillidh e dha bhròig, Bidh e sin na spòrs Aig na giullain bheaga, Mheara, bhinneach, òg, A bhios ri òb-òb, air an t-sràid: Ni iad cròithlein mu’n cuairt, Agus cuiridh iad gruaim Air a’ mhisgeir bhochd, thruagh, A bhios gu buileach air neo-urrainn Teachd ’n an dàil! [TD 70] Aig na gillean inich A bha anns an Ròimh ’S anns a’ Ghréig, bha nòs, Mar tha sgrìbhte fòs, Toirt air tràillean bochda Boslaichean dibh’ ò1; ’Nochdadh do’n chloinn òig An droch ghnàiths. Gu’m bu ghasd’ an dòigh Bh’aig na daoine còir’;— Ach ’s e beachd an t-slòigh Tha ’s an eilein mhòr s’ Nach robh annt’ ach amadain, Gun fhios, gun eòl, ’Toirt soluis pòit do’n cuid tràill’: Chuir iad car anns an rian Rinn na a gliocairean crionnd’, Agus òlaidh iad fein anis am fion ’S an t-uisge-beatha ’n àite chàich! Gur a h-olc ’s gur bochd An cleachdadh a chi clann ’N uair a tha iad fann, ’S gun an tuigs’ ach gann, Aithrichean air mhisg ’S air mhearaichinn fo ’n dràm, ’S iad a lùgh droch cainnt’, ’S ri droch ghnàs! Cha ’n eil smid no drannt A thig as an ceann, No droch phratan cam, Nach grad-thog a’ chlann, ’S fàsaidh iad, gu deimhinn, dut, Mu dheireadh thall, Anns a h-uile ball mar bha càch! So tha fàgail cho truagh Ar dùthcha ’s ar sluaigh, Tha Rati air buaidh a thoirt gu buileach, ’S rinn e de gach duine traill. COINNEAMH CHAIDREACH A’ CHOMUINN GHAIDHEALAICH ANN AN GLASCHU. “A’ chuirm sgaoilte, chualas an ceol; Ard shòlas an talla nan triath.” A GHAIDHEIL SMIORAIL,—Cha b’ urrainn “Bard caoin Chona” fhein ged bhiodh e lathair, briathran a bu fhreagarraiche chleachdadh gu coltas na coinnimh moir’ a bha aig Gaidheil Ghlaschu air a’ chiad Dihaoine d’an mhios so, chur an ceill, na na facail a chaidh a thoirt as a bheul binn agus a sgriobhadh os cionn clar-innsidh na cuirme,—“A’ chuirm sgaoilte, chualas an ceol; ard shòlas an talla nan triath.” A dhuine mo ghaoil, ’s ann an sin a bha! Ged is lionmhor na Goill ann am baile-mor Ghlaschu, ’s gur gann a chi neach ach iad, cha bhiodh e duilich do dhuine air bith a cho-dhunadh air an latha ud gu ’n robh cruinneachadh mor air choreigin aig na Gaidheil; cha tionndadh tu do shuil, gu sonraichte shuas mu ’n Each-odhar agus ceann near a’ bhaile, air an fheasgar ud, nach faiceadh tu an sud ’s an so fear air a sgeadachadh ann am breacan an fheilidh, le nighinn oig r’ a ghuallainn, a’ toirt ’aghaidh air an t-sraid anns am bheil Talla mor a’ Bhaile. Is ann an sin a bha an togradh ’s an othail am measg Chlanna nan Gaidheal! “Am fear nach feitheadh r’ a bhogha cha ’n fheitheadh r’ a chlaidheamh;” ’s am fear aig nach robh aon chuid feile no breacan, cha robh ach a suas le bad fraoich no suaicheantas Gaidhealach sam bith air an gabhadh ruigheachd, ’s air falbh a shireadh na maighdinn oige leis an do gheall e dol a dh-ionnsaidh Coinneamh Chaidreach a’ Chomuinn Ghaidhealaich! “Fhéilidh chruinn nan cuaichein, Gur buadhail an t-earradh gaisgich; Shiubhlainn leat na fuarain, Feadh fhuar-bheann, ’s bu ghasd’ air faich’ thu!” Am measg na thog orra do ’n Talla air an fheasgar aimneil so, bha dà sheana-ghiullan gun fheile-beag, gun bhreacan, gun leannan,—b’ iad sin, do charaid Donull Charba agus mi fhein. Am bheil fhios agad gu ’n robh seorsa naire oirnn an uair a mhothaich sinn sinn fein anns an t-sruth Ghaidhealach a bha a’ dumhlachadh a stigh a dh-ionnsaidh an Talla, ’s gun oirnn ach na “brigisean [TD 71] liath-ghlas;” theid mise an urras gu ’n robh iad “am bliadhna ’cur mulaid oirnn!” Coma co dhiubh, cha robh an sin uile dithis a bu tairisiche agus a bu teóistinniche ris na Gaidheil na Donull agus mi fhein; agus ma bhios sinn beo gus an ath choinnimh, co aige tha fhios nach fhaic thu feile-beag air Donull Charba agus “biodag air Mac-Mharcuis!” Arsa Donull rium fhein an uair a bha sinn a’ tighinn a dh-ionnsaidh an doruis, agus a chridhe air togail le sodan ris na Gaidheil— ‘Tha gach fasan Gaidhealach An drast a’ tighinn gu feum; Na deiseachan a b’ abhaist dhaibh, ’S a b’ fhearr leo aca fein; Coinneamh anns gach àite Aig na h-armuinn is fearr beus; Gach duine ’labhairt Gaidhlig dhiubh, ’S a’ phiob a ghnath an gleus.” A stigh am measg chaich ghabh sinn; agus ma ghabh, fhir mo chridhe, ’s ann an sin a bha an sealladh! Bho cheann gu ceann, agus bho urlar gu anainn, bha an talla is momha ann am baile-mor Ghlaschu lan sluaigh. An da chuid gu h-iosal agus air an lobhta bha buird fhada, chaol a’ sìneadh o bhalla gu balla, ’s iad cuirnichte le anart cho geal ri sneachd air bharr nan geug. Air gach taobh de na buird so, agus cho dluth ’s a b’ urrainn daibh suidhe, bha na h-aoidhean air an àiteachan a ghabhail ’n an càraidean grinn, agus iad air an sgeadachadh anns gach dath fo ’n ghrein, ionann ’s leis an t-solus dhealrach a bha air a thilgeadh orra bho na miltean leus a bha a’ breacadh speur an t-seomair, gur beag nach tugadh iad doille air do leirsinn. Bha “a’ chuirm sgaolte;” bha ’n sin aran de gach gnè, ach gu sonraichte aran cruaidh, coirce; agus comhladh ri sin an tea dhonn, Innseanach. Ged nach urrainn domh a radh gur ann Gaidhealach a tha an tea, tha i a nis air fàs cho cumannta an tir nam beann ’s a tha i air a’ Ghalldachd fein; agus a thuilleadh air sin tha i freagarrach do dh-òg ’s do shean. Cha robh, uime sin, daoine doicheallach rithe. Bha latha ’s dheanadh duine uaill as gu ’m fanadh a “Mhairi buileach o ’n tea,” ach dh’ fhalbh sin ’s thainig so. An tea a tha ’tighinn oirnn as na h-Innsean, agus am buntàta a fhuair sinn an toiseach á America, bu dona dheanamaid feum as an eugmhais. Faodaidh sinn a radh mu ’n tea mar thuirt an bard mu rud-eigin eile— “Bheir an stuth grinn oirnn Seinn gu fileanta; Chuir a thoilinntinn Binneas ’n ar cainnt; Chaisg i ar ’n ìota, ’N fhior dheoch mhilis; Bu mhuladach sinne Na ’m biodh i air chall.” A thuilleadh air gach buaidh eile tha air an tea, “Cha chulaidh mhilleadh cheann i; ’S is ro-mhath ’n t-seise mhuineil Do gach duine ghabhas rann i.” Cha robh sinn ach goirid a’ feitheadh an uair “chualas an ceol”—ceol fuaimeil, ard nam piob; ’s theid mise an urras gu ’n robh “ard shòlas an talla nan triath.” Direach air sàil nam piobairean, thainig a stigh ceann-suidhe na coinnimh, Mr. Donnachadh Mac-a’-Ghobhainn. ’N a chuideachd bha moran uaislean anns an deise ghoirid, agus ghabh iad an aiteachan-suidhe air gach taobh, agus m’ an cuairt da. Tha bruidhinn mhor an dràst mu “Chathair Ghaidhlig” ann an Oilthigh Dhuneideann, ach ma ’s e is ciall da sin, cathair air a lionadh le Gaidheal fiachail, foghluimte, agus comasach air a’ chainnt mhilis a theagasg do mhuinntir eile, leiginnsa fhaicinn duit “Cathair Ghaidhlig” no dhà air an oidhche ud. Eadar [TD 72] thu fhein ’s mi fhein, na ’m biodh riaghladh a’ ghnothaich agamsa, cha leiginn le fear sam bith suidhe anns a’ chathair mhoir ann an Duneideann ach Gaidheal beothail, tapaidh a chaitheadh am feile-beag “a’ h-uile latha ’s Di-Domhnuich.” Ach tha mi ’dol troimh m’ naidheachd. An deigh an altachaidh, ghabh an sluagh an taice na h-itheannaich, ’s Moire, ’s ann an sin a bha an cnuaipeadh air an aran choirce!—aran a tha gle bhitheanta ’n a annas air Gaidheil nam bailte-mora. Rinn gach neach a dhleasnas ris na bha mu ’choinnimh. Tha cuimhne agad air deadh chleachdamh a bha, agus an cuid a thighean, a tha fathast am measg nan Gaidheal; an uair a bhiodh na h-aoidhean mu ’n bhord réidh agus sasuichte, rachadh fear an tighe m’ an cuairt agus bheireadh e gu cairdeil air laimh gach neach dhiubh, a’ cur an ceill an toileachaidh a bha aige am faicinn aig a bhord, agus a dheadh-ghean daibh gu leir. Thar leam gu ’m bu chiatach am fasan a bha an so; agus gur mor am beud e bhi dol á cleachdadh. Bha e nochdadh cho cairdeil ’s cho fialaidh ’s a bha ar sinnsrean, a dh-aindeoin na bhios luchd-tuaileis ag radh mu cho borb agus cho aineolach ’s a bha iad. Mur do nochd ar ceann-suidhe còir an gean-math ceudna dhuinne air an fheasgar ud le fàsgadh na laimhe,—oir ghabhadh sin gu meadhon oidhche dha,—rinn e gu h-eireachdail leis an teangaidh e, an uair a dh’ eirich e. An deigh dhuinn da rann de aon de na Sailm bhinn a chuir brathair-athar fein, an t-Ollamh Urramach Iain Mac-a’-Ghobhainn, ann an Gaidhlig cho snasmhor, a sheinn, dh’ innis fear-na-cathrach dhuinn an toil-inntinn a thug e dha ’bhi air ceann coinnimh cho mor agus cho measail d’ a luchd-duthcha. Thug e cliu do ’n Chomunn fhiughantach, thapaidh a chuir air chois a’ choinneamh, agus mhol e do gach Gaidheal ’s an lathair, agus anns gach cearna, iad g’ an ceangal fein ris a’ Chomunn, agus mar so iad a thaisbeanadh an teo-chridheachd ri muinntir an duthcha, agus am miann air a bhi cuideachadh leis gach oidheirp a bheirear air leas nan Gaidheal a chur air aghaidh. Chaidh an fhearas-chuideachd a nis air a h-aghaidh gun ghainne, gun bhacadh. Eadar orain, sgeulachdan, oraidean, ceol, agus dannsadh, cha deachaidh stad air na h-uaislean sgeinmeil, tapaidh a ghabh os laimh ar cumail ann an àbhachd; agus a bheil fhios agad gu ’n robh de thoil-inntinn orm nach d’ fhairich mi tri uairean an uaireadair ach mar mhionaid na boise! Fhuair sinn earailean cudthromach agus freagarrach ann an Gaidhlig cho blasda ’s a thainig riabh á beul, bho Mhr. Mac-a’-Mhaighstir, bho ’n Urramach A. Camaron, Bhròdhaig, bho ’n Ard-Albannach, a’ h-uile ceum á Inbhirnis, agus bho Mhr. Sharp, aon de chinn-chinnidh a’ Chomuinn. Air son an luchd-chiuil—na piobairean, luchd-seinn nan oran, agus na dannsairean, bha na h-urad dhiubh ann agus iad uile cho barraichte ’n an dreuchd ’s ’n an oifig fa-leth, ’s gu ’n teirigeadh a’ Ghaidhlig fein orm na ’n toisichinn air an cliutheachadh ma seach; cuiridh mi direach aon fhleasg mor, greadhnach m’ an cinn gu leir, le a radh nach biodh e ’n a ghnothach soirbh barr a thoirt orra ann an snas agus ann an tapachd na h-oibre a chuir iad troimh ’n lamhan, an casan, an ribheidean, agus an teangannan—“Gu robh buaidh leis na seòid!” An uair a bha gach ni a bha anns a’ chlar-innsidh thairis, dh’ eirich sinn gu leir, air iarrtas a’ chinn-shuidhe, agus sheinn sinn—agus an creid thu [TD 73] mi gu ’n d’thainig tiomachadh air mo chridhe fhein, agus tha mi lan chinnteach air cridhe iomadh aon a thuilleadh orm, an uair a sheinn sinn—beagan earrannan d’an oran iomraiteach agus thiamhaidh sin, is minig a thug taiseachadh air suil Gaidheil ’s e ’fagal a dhuthcha, “Eirich agus tiugainn O!” Mar so chuir sinn crioch le h-onair air coinnimh Ghaidhealaich cho mor agus cho taitneach ’s a chunnaic mo dha shuil riabh. Thuirt mi gu ’n do chuir sinn crioch oirre, ach is fada m’ am b’e so deireadh na cluiche. Bha coinneamh-dhannsaidh mhor anns a’ cheart talla an deigh na coinnimh-caidrich, agus tha mi dearbhta gu ’n robh coig fichead càraid aice, cho math ri sluagh mor de luchd-coimhid, a lion lobhta an talla bho thaobh gu taobh. Bha na lasgairean ’s na h-ingheanagan gasda a’ cur nan car dhiubh an sin gus an robh a’ chiad agus an darna cadal seachad acasan a chaidh dhachaidh aig deireadh na Coinnimh Caidrich. Dh’ fhalbh na dannsairean gu dleasnach agus chunnaic iad gu sabhailte dachaidh an cuid leannan. Bho ’n bha Donull Charba agus mise cho mi-fhortanach ’s nach robh leannain againn, ghabh sinn a laidhe a bhruadar mu na chunnaic ’s na chuala sinn. B’ iad na facail mu dheireadh a chuala mi Donull ag radh agus e ’tuiteam ’n a chadal,—“Feuch am bi thu cinnteach gu ’n sgriobh thu cunntas a dh-ionnsaidh a’ Ghaidheil, mu Choinneamh Chaidreach a’ Chomuinn Ghaidhealaich ann an Glaschu—Cadal math dhuit.” Rinn mi nis mo dhicheall gu iarrtas Dhonuill chòir a chur an gniomh. Tha fhios math gu leoir agam nach ’eil mo sgeul cho cuimir ’s a dh’-fhaodadh e bhi; is ainneamh leis an teangaidh bhi cho teoma ’s gu ’n teid aice air a chur am briathar na lìonas an t-suil ’s an inntinn mar rinn a’ chuideachd, an greadhnachas, agus am fleaghachas anns an do thacair sinne air an oidhche ud. Ma ruigeas do chothrom air, no ma cheadaicheas d’ ùine, cuir fein caoin agus dreach air mo sheanchus. Sguiridh mi le briathran an t-seann oranaiche— “Chaidh an comunn, an comunn, Chaidh an comunn air chùl; Dhealaich comunn r’ a chéile, ’S deanaibh fein d’ e sgeul ùr. Sgaoil an comunn o chéile, ’S thug e deur air mo shùil.” Buaidh leat! Soirbheachadh dhuit! D’ fhaicinn slan, guidhe durachdach do charaid, MAC-MHARCUIS. Di-mairt, Inid, 1875. MUIREACH FIAL. BHA uair eigin ann an Cinntàile duine ris an abradh iad “Muireach Fial,” agus bha mòran airgid aige. Ma ’s fhìor, thug Muireach air uair suim airgid do ’n t-Siosalach, uachdaran Shrath-Ghlais; agus fhuair e sgribheadh laghail no “bann’ bho ’n t-Siosalach anns an robh air a cheangal air son an airgid àite ris an abrar “Afaric Mholach.” Chaidh Muireach turus sìos rathad na Machrach; bha gille còmhla ris; agus a’ tilleadh dhachaidh bha iad oidhche ann an tigh-osda Shruidh, agus chaidh Muireach a mharbhadh an sin. Anns a’ mhaduinn, an uair a dh’ éirich an gille, dh’ innis iad da gu’ n d’ fhuair a mhaighistir fios-cabhaig gu dol taobh eigin; nach d’ innis e cia an taobh, ach gu ’n d’ iarr e airsan dol dachaidh. Thog an gille air, agus an uair a ràinig e an tigh, cha robh sgial air Muireach, agus cha robh fhios aige càite an robh e, ach gu ’n do dhealaich e ris air an oidhche [TD 74] ann an Sruidh. Fhuaradh coire mhór do’n ghille, agus bha cràdh-cogais aige fhein air fhein, air son cho luath ’s a thàinig e air falbh; ach ’s e rud a rinn e gu ’n d’ fhalbh e rithist an ceann cheithir la diag, agus ràinig e tigh-òsda Shruidh. Cha d’ aithnich iad e an tùs, agus cha mhò a dh’ innis e dhaibh co a bh’ ann, no ciod bu ghnothach dha. Leig e air òl agus dh’ iarr e fear-an-tighe. Bha e cumail an uisge-bheatha ris gu math, ach a’ toirt na deagh aire air fhein; agus mu dheireadh an uair a thòisich fear-an-tighe air fàs blath,—ars’ esan ris a’ ghille:— “Air do shlainte, a mhic Dhunnachaidh mhic Iain chaoil, Fath mo ghaoil ort, cha b’ i ’n deoch; Ach thu bhi cuide ri Muireach Fial, A’ chòig oidhche diag gus an nochd.” Bha so ag innseadh gu ’n d’ aithnich fear-an-tighe e, ach cha do leig an gille air gu’n do thuig e e. Goirid an deigh sin thigear mac fhir-an-tighe stigh, air ghnothach gu ’athair, ’s dh’ fharraid ’athair dh’ e, “Am faca tu am bradan fìor-uisge an nochd?” Thuirt gu’ m fac, air a leithid so de pholl, a’s e ag ainmeachadh a’ phuill. “Nach e tha dol leis gu math!” arsa fear-an-tighe. Bha am fear eile (an gille) ag cumail a chluaise ris a h-uile rud a bha e cluinntinn, gun a bhi gabhail dad air; agus gun dol a laidhe idir, dh’ fhàg e an tigh cho luath ’s a chunnaic a shùil an latha. Dh’ fharraid e de na coimhearsnaich air bruaich na h-aimhne càite an robh a leithid so de pholl, ’s e toirt seachad ainm a’ phuill. Dh’ innis iad da: agus an uair a ràinig e am poll, faicear e Muireach air urlar a’ phuill marbh. Fhuair e air a thogail e, agus thìodhlaic iad e ann an cladh Shrath-Ghlais, agus an sin thog an gille air dhachaidh. Dh’ innis e a h-uile car mar a thachair; agus gun dàil, dh’ fhalbh comhlan á Cinntàile gu corp Mhuirich a thoirt dachaidh. An uair a thog iad e bha déigh mhòr aca air greim fhaotainn air cuid de na Glaisich a los am marbhadh, ach cha robh fhios aca ciamar a ghlacadh iad iad. Ma dheireadh ’s e an rud a rinn iad leac a thogail as a’ chladh, agus a toirt leo air falbh, an dòchus gu ’n leanadh na Glaisich iad air son na lice, agus mar sin gu’m faigheadh iad greim orra. Ach a dh-aindeoin sin cha do leig an t-eagal leis na Glaisich gnothuch a ghabhail riu; agus an sin thog na Sailich orra leis an lic ’s le Muireach, thair na monaidhnean gus an d’ ràinig iad Cill-Duthaich ann an Cinntàile. Air an rathad thuit an leac air an fheadhainn a bha ’g a giùlan, agus chaidh sgealb as a’ ghualainn aice; thug iad leo an sgealb cuide ris an lic, agus chuireadh le chéile iad ann Cill-Duthaich, far am beil iad gus an là an diugh. Thugadh mar ainm air an lic “An leac chuileineach,” a chionn gu’n d’ fhalbh an sgealb aisde; agus lean an t-ainm sin riabh rithe. A nise, a thaobh gu ’n d’ fhalbh Muireach mar so, cha robh fhios càite an robh a’ bhann a fhuair e bho ’n t-Siosalach; bha i air chall, ’s leig iad diubh a bhi ’g a h-iarraidh. Bha aig Muireach anns an tigh ball-èirneis ris an abradh iad “beinge;” agus an déigh a bhàis bha a’ bheinge so, mar dhùthchas a’ leantainn an teaghlaich bu teinne air fhein, a’s iad ’g a gleidheadh gu measail, mar bhall-sinnsireachd, ré ioma bliadhna. Am fear aig an robh i mu dheireadh, ’s e “Murchadh Buidhe nam miar” a theirteadh ris; agus bu chèaird da a bhi dròbhaireachd each. Phòs Murchadh Buidhe so boirionnach a bha ’n sid; ach ged a ghabh i e, ’s ann an aghaidh a càile fhéin, agus sin air [TD 75] chomhairle a cuideachd—gu sonraichte air chomhairle a bràthar. An déis d’ i a’ chiad urra chloinne bhi aice, dh’fhàg i Murchadh, ’s thugar Peairt oirre leis a’ ghiullan, far an robh peathraichean d’ i ’g an cosnadh. Dh’ fhan i greis mhath ann an sin, agus thog iad an leanabh eatarra. Latha de na làithean, thuirt bràthair na mnatha ri Murchadh Buidhe, gu’m b’ fhearr dha dol g’a h-iarraidh; gu’m faodadh, bho’n a dh’ fhairich i nis a’ bhochdainn, gu’n tilleadh i. Dh’ fhalbh Murchadh, agus bhuail e Peairt; ach céum cha tigeadh de Mhairghreid. Thill e; agus goirid an deigh dha tighin dachaidh, thachair a bhràthair-ceile air, agus dh’fhaighnich e an d’ thainig Mairghread. “O, cha d’ thàinig,” arsa Murchadh—“Ghabhteadh a’ chuid, ach cha ghabhteadh an duine. Ach an teid thusa cuide riumsa an nochd, Iain,” ars’ esan, “agus gheobh thu do bhiadh air a dheasachadh dhut cho glan ’s ged a bhiodh Mairghread romhad.” Thuirt Iain gu ’n rachadh; agus, ’s e bh’ ann gu ’n do chuir iad am feasgar seachad gu ladhach ag comhradh mu thurus Mhurchaidh; agus chaidh iad a laidhe cuideachd. Bha iad ag comhradh ri chéile mu’n do chaidil iad, agus, arsa Murchadh, “Saoil thusa, Iain, nach b’i Mairghread coluinn a’ chruaidh fhortain nach do lean i mise, agus bann Mhuirich Fhéil agam?” “Bann Mhuirich Fhéil,” arsa am fear eile, ’s e ’g eirigh ’n a leth-shuidhe—“bann Mhuirich Fhéil, càite an d’ fhuair thusa i?” “Innsidh mi sin dut,” arsa Murchadh. “A’ bheinge bha an sid a mach ri taobh an tighe, bha i falbh ’n a càth, a’s i air grodadh; agus là dh’ an robh mi ’s droch theine agam, chaidh mi a mach leis an tuaigh dh’ fhiach an cuirinn sgealban aisde a los an cur air an teine; agus an uair a leig mi air a cur as a chéile, léum bogsachan a mach á ceann na beinge, agus bha a’ bhann anns a’ bhogsa.” An uair a chaidh an sgial a mach air feadh na dùthcha gu’n robh bann Mhuirich Fhéil aig Murchadh Buidhe, thòisich iadsan uile a bha ’n an luchd-dàimh dha, air Murchadh a chur h-uige air son na boinne; ach dh’àicheidh e i, ag radh nach robh i idir aige, agus nach d’ fhuair e riabh i. An sin chiadh Iain, a bhràthair-céile air ’aodunn air son an rud a thuirt e ris an oidhche ud; ach, ’s e a thuirt Murchadh, “A Dhia beannaich thu, fhir mo ghaoil, nach bu mhi am briagadair ma thuirt mi sin riut.” Facal tuille air an son cha’n innseadh e do neach air bith; ach bha e mar chleachdadh aige a bhi bruidhinn ris fhein air uaireannan, agus bhiodh feadhainn gu tric a’ dol thun a’ bhothain anns an robh e fuireach, a dh-fharcluais air; agus chualas e uair no dhà ag ràdh ris fhein mar so; “Thug mi dhut i, fhir mo ghaoil, bann Mhuirich Fhéil, agus cha d’ thug thu ni riabh dhomh air a son ach an gini buidhe òir.” Leag iad an t-amhurus gur h-e bha e ciallachadh le so gu’n d’thug e a’ bhann do dh-fhear Ionarìnait, a chionn gu ’n robh meas anbarrach aca air a chéile—agus cha robh teagamh sa bith nach e sin a rinn e. Bha mise turus, bho chionn beagan bhliadhnaichean thall rathad Loch-Aillse, agus chunnaic mi gille a bha ’n a charbadair aig fear de dh-uaislean na dùthcha, agus b’ fhear-cinnidh an gille ruadh so do Mhurchadh Buidhe nam miar. Dh’innis e dhomh gu ’n do chuir e an céill do dh-fhear-lagha air an robh eolas aige an Dunéideann an eachdraidh so uile, mu bhoinn Mhuirich Fhéil, agus gu ’n d’thuirt am fear-lagha gu’m fiachadh e ciod a b’ urrainn da dhian- [TD 76] amh gu tuilleadh soluis fhaotainn air a’ chuis. Ach ’s e bh’ ann gu ’n cuala maighistir a’ ghille mu ’n rud a rinn e, agus thug e air sgur dh ’e, ag ràdh ris, na’ m faigheadh an t-uachdaran a mach e, gu’n sguabadh e bharr na h-oighreachd a h-uile h-aon de ’n t-seorsa de ’n robh e. Is ann mar sin a tha agus theagamh a bhi theas bann Mhuirich Fhéil. BAN-SAILEACH. CAISMEACHD AILEIN-NAN-SOP. LE EACHUNN MAC MHIC IAIN CHOLA. ’S mithich dhuinne mar bhun umhlachd, Dàn-bùrdain* a chasgairt dut A flasgaich bhrighmhor fhliuchas pìosan Le d’ dhibh phrìseil neartoraich, Noch nar cheilteadh fìon na Frainge ’N a thigh meanmnach, masgalach. Shìol uaibhrich, nach biodh uaigneach, Bho ’m biodh sluagh gu cadaltach. ’S ioma geòcach ann ad chòsain, Agus deòiridh aigeantach. ’N uair leigeas iad am mach am bàrcan Bharr nan càbal ro-ghasda, Ceanglar umpa mar an àbhaist Cuan a b’ àird’ do-chasgairt leo. ’S nitear sin a réir a chéile, Gun fheum air a h-ath-dianamh. Beairt chaol, righinn, lìonmhor chainbe, Gun aon shnaim mearachdach. An ceangal ri failbheagan iarainn, Droineap nach iarr acaireachd. Sin air dhianamh lùghach, làidir, Le spionnadh àrd ’s a’ cheart uair sin; Gus ’n d’ thugadh air a crannaibh claonadh Taobh na gaoith’ a cheart eiginn. ’N uair shuidheadh iad air a crann-céille, Gach fear fhein ri draipireachd. A liuthad sodar mhuir onfhach, ’S i gu ceann-gheal, gorm, caiteineach, *The word “bùrdan” appears to be the same as the French “Faux Bourdon.” When a song was sung in Ireland with the “burdoon,” three or more voices took part in the singing, one of whom represented the tenor, the others the accompanying voices, who successively repeated the words of the song in a higher pitch, so as to form accords.—Manners and Customs of the Ancient Irish, vol. i., dcvii. A bhristeadh gach taobh de ’brannradh, ’S e ’n comh-righ’ ri ’baidealaibh. Fad fradhairc anns na neulaibh. Slat bho ’beul a dh-fhaicinn-sa. A’ dol timchioll rudh’ no sàilein, ’S i gu leanbhail tartarrach. ’S ioma lùireach ’n ceangal ri h-earraich, A’s bogha dearg Sasunnach. Croinn air an locradh bho ruinn gu dosaibh, Le cinn dhodach fhad-ghaineach. ’N uair chunnacadar am fad bhuat, Na crìochan ri ’n robh fuath acasan, Glacadar na fuirbi righne ’N an dòidean mìn, ladurna. Rinn iad an t-iomradh teann, teth, Toghbha, làidir, eòlach, acfhuinneach. Thug iad cudthrom air na liaghan, ’S raimh ’g am pianadh acasan. Chuir iad a beoil mhor ri chéile, ’S a da chléith gu’n d’ shrac iad sin. Tha “chaismeachd” so cho sean ’s gu’r teagamh nach bi e mi-iomchuidh dhomh innse mar a fhuair mi i; ’s mar aon facal no dhà chur an céill mu ’n fhear do ’n d’ rinneadh i. Anns a’ chiad dol a mach ma ta, is ann bho’n Urr. an t-Olla MacLachlainn, an Dunéideann a fhuair mi i; agus is e an t-Urr. “A. Maclean Sinclair,” an America, a chuir g’a ionnsaidh-san i gus a toirt domh. Fhuair esan i bho sheanair—Iain Mac-Gilleathain bàrd Thighearna Chola: agus fhuair am bàrd i, bho chionn còrr a’s tri fichead bliadhna, sgribhte an leabhar a dh’ fhàg lighiche àraid, de Chloinn-Ghilleathain, a bha am Muile. Cha’n ’eil mi tur chinnteach an d’ rinn mi mach uile bhriathrachas a’ bhàird; bithidh mi uime sin fada an comaine maraiche, no neach sa bith eile de luchd-leughaidh a’ Ghàidhil, a ni mo chur ceart. Chitear ’s an tòiseachadh gu’r h-e Eachann mac mhic Iain Chola a rinn a’ Chaismeachd do dh-Ailein-nan-sop. Tha corr a’s tri chiad bliadhna bho’n a bha Ailein am bithibh an t-saoghail so. Bu mhac e do Lachann Catanach triath Dhubhart ’s ceann-feadhna Chloinn-Ghilleathain: ’s bu leth-bhràthair e do dh- [TD 77] Eachann Mòr, am mac a bh’ aig Lachann ri nighean Mhic-Cailein. Cha ruig mi leas a chur sìos an so, an seol mi-chneasda air an do chuir Lachann Catanach bhuaithe NicCailein—chitear e ’s a’ chiad leabhar de’n Ghaidheal; cha mhò tha romham dearcnachadh no liadachadh air ana-cleachdaidhnean nan aintighearnan a bh’ann ri ’linn: foghnaidh dhomh innse gu’n do ghabh e, an déigh dealachadh ri mhnaoi, le nighinn do dh-Fhear-Threisinnis, agus gu’r h-i so bu mhàthair do dh-Ailein-nan-sop. An eilein daingean air cùl Mhuile, is ann a fhuair Ailein-nan-sop ’àrach: is ann ann a bha Lachann Catanach ’s an àm ud a’ fuireach. Is e an ciad iomradh a th’ againn air Ailein, làmh-éignichidh a theann e ri thoirt air maighdinn uasail a bh’ air chéilidh ’s a’ chaisteal, ni a chuir tuilleadh e gu ainstil. B’ i so nighean do MhacNèill Bharraidh; agus an uair a thuig i dhroch rùn, ’s nach robh dol as aice, theich i le beachd i fhein a chur le creig; ach mar a bha am Fortan fàbhorrach dh’ ise, thainig fear-eadraigin, agus thugar ùpag do dh-Ailein thair a’ chreig; ach, ged a tha na creagan a tha ceithir-thiomchioll an eilein cho uamhasach cas, ’s gu’r gann a sheasas ian air iteig orra, stad esan air stac aig oir na fairge; ’s ris a’ chreig so theirear gus an là an diugh “Urraigh Ailein-nan-sop.” Mu’n àm ud, bha ’n Airde-niar ag cur thairis le creachadairean-cuain. Thuit do shoitheach dhiubh so tighinn an là ud an rathad; agus faicear an sgioba Ailein agus e leth-mharbh air an stac, ’s thugar air bòrd e. Cha robh a chridhe aige nise dol dachaidh; agus, ’s e bh’ ann gu’n do lean e ris an t-soitheach, gus mu dheireadh an d’ fhuair e dha fhein e. Bha e ’n a shàr mharaiche ’s a’ tighinn beo air a’ chreachadaireachd; air chor ’s gu ’n robh e ’n a chulaidh eagail a’s oillte ’s an àirde-niar. An ceann-tuath na h-Eiream bhàtar cho eolach air Ailein, air ’ainm ’s air a ghnìomh, ’s ge bu choimhearsnach bun an doruis e; ’s cha b ’ann aon uair a chrom e air feudail-chorra nan Gall am mach mu Ghlaschu. Is ann le bhi creach ’s a’ losgadh mar so a thugadh “Ailein-nan-sop” air. Cha robh fathamas aig Ailein ri caraide no ri nàmhaid. Ghabh e fàth air tighearna na Leithir ceann-tighe “sliochd a’ chlaidhimh iarainn,” a charaide fhein, ’s chuir e gu bàs e, agus ghabh e fhein seilbh ’s an tigh agus ’s an fhearann. A chur a stigh air, thug Mac-Dhònuill dha eilein Ghìogha, agus fhuair e Cille-Charmaig bho Mhac-Cailein; ach, bha Ailein air a shean each bàn’—cha do leig e dh’ e a’ chreach. Chuala e uair a bha ’n sid, gu ’n robh gamhlas no farmad-cùirte aig tighearna-Chola ris; agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ thug e eilein Chola air. Thachair tighearna-Chola air ’s e sraidimeachd aig taobh a’ chladaich; agus gun ghuth mor, gun droch fhacal, glacar e ’s thugar air bòrd e, agus cheangail e ris an tobhta e, ’s togar na siùil do ’n Tairbeart. Bhiodh tighearna-Chola ris a’ bhàrdachd, ’n a uaireannan, agus an turus so rinn e òran do dh-Ailein—a réir a h-uile coltais a’ “Chaismeachd.” Chòrd e gu math ri Ailein, ’s anns na cuir a bh’ann, thug e a chead do thighearna Chola; ach thuirt e ris, “thoir an aire ciod a their thu an deigh so mu m’ thimchioll-sa—tha ian beag ann an Cola tha tighinn a dh-innseadh dhòmhsa do chainnte aig do bhòrd fhein—leigidh mi as thu, ach bi ’d earalas à so suas.” Am feasgar a bheatha, thionndaidh e a smaointean ris an ath-shaoghal, ’s leig e dh’e a’ chreachadaireachd. Thug e I Chaluim-chille air ’s rinn e réit ’s a dhleasnas [TD 78] ris a’ chléir; ach b’ annsa le chuid ghillean an t-seann chèaird. Bha fear dhiubh latha ri bhiadh ’s thuit gu’n d’ thàinig aisne air de nach robh moran ri ghabhail, ’s thuirt e “Is ann air an tigh so a thàinig an dà latha, an uair a tha na cnaimhean cho lom.” “Tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal,” agus thuig Ailein mar a bha chùis; agus dh’ òrduich e do na ceatharnaich a bhi deas agus dol leis air tòir cobhartaich. Thog iad orra mach ri Cluaidh ’s cha bu chobhartach e gus an turus sin. B’ i so a’ chreach mu dheireadh ’s a’ chreach bu mhò a thog Ailein; ’s thug iad “Creach-na-h-aisne” mar ainm oirre. Fhuair Ailein saoghal fada, ’s dh’ fhàg e mac a’s nighean. Chuireadh gu dìth a mhac, air son ionnsaidh a thoirt air bràthair ’athar, agus phòs a nighean Murchadh Gèarr Lochaabuidhe. Dh’ éug e mu’n bhliadhna 1555, eadar sin ’s 1560, ’s chaidh a thiodhlaiceadh an cairidh Chlann-Ghilleathain, an Réilig Orain, an I Chaluim-chille, far am faicear an uaigh aige gus an là an diugh. ABRACH. UAILEINEID GU MAIGHDINN OIG. CHA ràdh bho shean, ’s cha ’n òran ùr no aosd’, Air deagh-chliu maise, no air buaidh a’ ghaoil— Cha dealbh air Cupid le ’chuid lann ’s le dheilg, ’Tha ’sgeadachadh dhomh m’ uaileineid ’n a deilbh. Ge riomhach dealbhan bhlàth fo shreathan dhuan, ’S gach ìomhaigh-ghràidh a th’ air an féill clobhuailt’; Cha ’n ’eil ’s an t-seòrs’ ach dòigh gun ghlòir, gun ghléus, Gu cridh’ an fhìor fhir-ghaoil a chur an céill. ’S e ’s dual do ’n litir spaideil tigh’nn bho ’n chliabh ’S am bheil an càirdeas fuar ’s an gaol gun fhriamh; ’S beag féum a’ ghaoil ’tha fallain, fìorghlan, ceart, Air còmhnadh dhealbh gu dearbhadh mèud a neart. Nis, ceadaich dhomh, ’s a’ chainnt is uailse cliù, ’S air duilleig luim gun suaicheantas ’n a gnùis, Mi ’thairgse dhut, le drùghadh spéise ’s suim, Gaol dìleas fìor mo chridh’, ’s mo làmh ’n a luib. Cha taisbein mi, le dealbh no ìomhaigh fhuar, Mo bharail àrd air ionmhuinneachd do shnuaidh; Bu deacair glòir do sgèimh’ a nochdadh slàn Le dealbhadair, no feallsanach, no bàrd. ’S e cainnt mo dhùrachd, ’s dòchas tréun mo dhuain, Gur fad’ a bhios gach àdh a th’ ort, ’us buaidh, A’ cur a mach an gathan dealrach gràidh, ’Toirt blàiths ’us iùil, mar ’ghrian air madainn Mhàigh. ’S gu ’n dean gach slàinte, sìth, ’us sonas réidh, Do phearsa ’chuartachadh gu crìch do réis; ’S ’n uair ’theid do phailliun talmhaidh ’chur ma sgaoil, Gur dachaidh-sheilbh dhut flaitheas bhuan nan naomh. D. R. M. [TD79] SGIALACHD NA TROIDHE Air a tionndadh bho ’n Ghreugais gu Gailig Abraich, LE EOBHAN MACLACHAINN. V. DUAN (Air a leantuinn.) Suim cha d’ thug mise d’ a radh, Ge goirt orm an dràst’ an call; Eagal m’ eachraidh dhol gu dith, No ’m fàsadh an ìnnlinn gann ’N uair bhiodh am baile ’n a dhraip ’S biuthaidh ’g a thathunn ga dian, ’S olc a dh’ fhuilgeadh m’ eich-sa ’n airc, ’S gu ’n chleachd iad am pailteas riabh. Fàgar iad ’s triallar ga m’ chois, M’ uigh á bogha crom nan cleas: A righ dhùilich, bu bheag m’ fhios, Nach cinneadh leam éuchd ’s a’ ghreis. Thilg mi urchair air dà shonn, Dìomed muirneach nan glonn tréun Mar ri bràthair righ nam feachd, ’S thaosg an fhìor fhuil bhras bho’n bhéum. Thog mi ’m fraoch an àite ’n casg; Ormsa dhiong an dosgainn téum; An là bhuin mi nuas bho’n staing Bior mearthallach cam gun fheum. ’S teann nach d’ fhuair mi ball-airm còrr, Ri linn teachd do Thròidh gu ’h-iul, Los druid’ ris a’ Ghréig an gleachd, ’S gu ’m miadaicht’ air Hector cliu. Ma thilleas mise gu bràth, ’S gu ’m faic mi tir bhlàth mo ghaoil, Mo thalla mor greadhnach àrd, ’S a bhean àillidh dhearbh mo chaoin, Gu’n sgarar mo cheann bho m’ chorp, Mur gabh mi seann stoc gun bhuaidh, Gu ’spealgadh ’n a bhruanaibh crìon, Mar bhiadh miath do ’n lasair ruaidh. Thuirt ceann-stiuraidh feachd na Tròidh’, Ænéas bu mhòr ’s an stréup: Na labhair ’s an dòigh so, shuinn, Ach thugamaid cuimhn’ air gléus. Le carbad ’s le eich nam buadh, Mosglamaid an cruas gu dian, Druidear leinn ri gnuis an t-seòid, ’S taisbeinear gu’r mòr ar fiach. Léum am charbad; dearbh le d’ shuil, Stéudan Throis, gu’r luthmor, òg Deas-ealamh, grad-charach seang, Null ’s a nall ann ’s an ruaig, Buinidh iad ás sinn ’s an ruaig, Do dhaingnich nan stuadh gun bhéud, Ma bhristeas oirnn gàbhadh truagh, ’S gu’n diol Iobh a’ bhuaidh do ’n Ghréig. Gabh-sa slat a’s srian nan séud, ’S innsear leams’ euchd le m’ chruaidh; Air neo glac-sa ’n trom-ghath géur, ’S ni mis’ iul do m’ stéudan luath. Thug freagairt fhaicleach do ’n ràdh, Mac Lycàoin a b’ àrd beus:— A cheannaird nan Tròidheach àigh, Stiuir an eachraidh le d’ làimh fhéin. Ged bhagradh an Diomed àr, Bheir iadsan sinn slàn bho’n éug. ’S do’n mharcaich d’ an eòl an gnàths, Diolaidh iad mar b’ àbhaist géill. Bheir iad droch leumannan-taoibh, Ma ’s é ’s gu’n teid sgaoim ’n an ceann, Gun ghuth an eòlaich ri ’n cluais, Cha diong iad duinn buaidh ach call. Thig mac Thìd oirnn a dh-aon bhéum, Cluinnear casgradh le h-éug truagh, Sguabaidh e ’n sin ar cuid stéud, Mach gu sréud a’ chabhlaich luath. Suidh thusa ’s a’ charbad ùr, A stiuireadh nan cruibh-each seang. Tairgim-sa cath do’n fhear mhòr, Gu ’fhiachainn an còmhraig lann. ’N uair chriochnaich labhairt non sonn, Shuidh mar aon ’s a’ charbad ghrinn. ’S mharcaich an dail saoidh nan conn, ’N an deannaibh thair lom an fhuinn. Bheachdaicheadh tighinn nan sàr, Le Stenelus ard an cliu. ’S mhosgail ri mac Thìd nan gniomh, Le fìor fhiamh am briathran dlùth: Annsachd a dh-fhearaibh, an t-sluaigh A Dhìomeid mhòir, bhuadhaich, àigh, Chi mi na garbh-uaibhrich thréun ’N an dearg leum a’ ruith ’n an dàil: Sliochd Lycàoin sid air thus, B’ e ’n lamh theom’ air cul nan calg. Faisg air mac Vénuis a’ ghaoil, ’S dheagh Anchiseis nach baoth ainm. ’S leir do chliu-sa, ghaisgich fhéil: As bimid le ’r stéudan luath; Na ruith gu léirsgrios a d’ dheòin, ’S teasraig anam is mòr luach. Fhreagair gaisgeach nan géur lann, ’S friodh feirg’ ag cur greann mu ’shuil; ’N ann a’ toirt spid’ dhomh le fiamh, A mholadh tu ’n gniomh gun diu? Leamsa cha bhéus céum air ais, Cha chaisteal dhomh geilt gun treòir; Cha d’ imir ball-airm ’n a làimh, Romh ’n gabh mise sgàth ri m’ bheò. ’S tàir’ leam marcachd air druim eich, Triallaim do ’n diachainn ga m’ chois, Cha’n fhaod mo chàil a bhi tais, ’S Pallas a’ dìol neart ’s a’ ghreis. Ged rachadh neach ás an uair, A cheart aindeoin luas nan stéud, Mur teid a’ chàraid gu dìth, Bidh fear dhiubh f o chis an éig. Impidh cuirim ort d’ a réir, Beachdaich gu géur air mo chainnt; Ma ’s e ’s gu’n toir Pallas buaidh, ’S gu’n tuit iad fo chruas mo lann, Fasdaidh m’ eich ’s a’ bhall so ’n raon, ’S an t-srian sìnte thaobh an cuil; Léum gu suidh’, Ænéais àidh, ’S glac na stéudan is àrd cliu. [TD 80] Sguab iad an sin leat ’n an dean, Null gu reang a’ chabhlaich mhòir. ’S iad sìlidh nan cruibh-each clis, A fhuair Tros mar ghibht bho Iobh; Air shàilibh Gharaimeid ghrinn, Mheal e phrìs bho righ nan spéur. An leth-bhreac cha’n fhacas riabh, Near no niar a’ triall fo’n ghréin. Bho sgann Laomedoin àird, Ghoid Anchises àlach nuadh; Làirean bàsmhor sheòl an tréun An caraibh nan stéud bith-bhuan, Sia searraich òg, eangbhaidh, luath, Dh’ fhàs gu h-inbhe mu ’stuaidh mhòir; Ghleidh an righ ceithir gu féum, ’S bho iolainn fhéin chaith iad lòn. Fhuair Ænéas seilbh a dhà Thun nam blàr, ’s gu’r àillidh ’n sgéimh; Na’n glact’ iad sid leinn ’s a’ chrìch, Sgaoilt’ ar cliu ’s gach tìr fo nèamh. B’ amhuil còmhradh an dà shuinn, ’N uair thàinig ’n a stìll g’an còir A’ marcachd nan srann-each garg, Dà fhear-stiuiridh arm na Tròidh’. Thòisich air druideadh ’n an dàil, Mac Lycàoin nan cath géur; Fhuirbidh mhòraich, mhìlltich, bhrais, A shliochd an fhior ghaisgich thréin, M’ iuthaidh cha chuireadh ort snaim, Aig feobhas a ruinn gu creuchd; Bheir mi nis’ ionnsuidh gun cheilg, Dh’ fhiach an diong an t-arm so gléus. Labhair e ’s tilgear ’n a deann, Glocach iaruinn an fhad chroinn; Bhuail e ’n sgiath bhreac air a druim, ’S romh ’n ghorm mhàillich shnàmh an ruinn, An sin thug mac Lycàoin éubh: Fhuair thu créuchd, a thriath nam buadh; ’S dearbh leam nach cian bhuat an t-éug, Bidh cuimhn’ air an éuchd ri luas. Ghrad-fhreagair an saoidh gun fhiamh, ’S faoin thu cha d’ rinn d’ iarann stath; Ach mu’n sguir sinne de’n ghnìomh, Bidh aon sìos aig dia nam blàr. Thilg e ’n sin an tréin’ a neart, Dh’ imir Pallas feart le ’làimh; Eadar a dhà shuil ’s a shròn, Fhuair an Tròidheach cròc a’ bhàis. Seach a dhéud bu chnàimh-gheal snuagh, Thriall an deilgneach fhuar gun bhàigh; Ghearr i romh ’n teanga le srann, ’S chìteadh cam fo ’n smig a barr, Thuit e ’m priobadh ’s mu ’chliabh garbh, ’Ghliongraich armachd nan dealbh ur; ’S chlisg le maoim na seang-eich luath, ’S dh’ fàag iad an corp fuar gun lùs. Leum Ænéas gu ’ghrad-dhìon, Le shleagh mhòir ’s a sgiath ri ’thaobh, Null ’s a nall mu chairbh a ruin, Mar leomhann garg, gnuth fo fhraoch, Chuibhleadh e ’m fad-ghath mu ’n cuairt, ’S an targaid uaibhreach ’n a dhòrn, A’ raoicich ’s a’ bagairt aoig, Na’n druideadh neach faoin g’ a chòir. Thog an Gréugach ’n a dhòid dhuinn, Faob cloiche ’s i gailbheach crom, Dithis cha ghluaiseadh am meall, De ’n t-sìlidh tha nis air fonn. Shiab esan am pluchd gun strìth, ’S thilg air mac Anchìseis àigh. Thuit uibe nan creimnean geur, Mu bhun na sleisd’ air a’ chnàimh; Cnàimh a chinn reamhar mu ’n alt, Spealg a’ charraig neartmhor, chruaidh, Ghearr i’ dà fheith anns an sgrìb, ’S an craicionn bu mhìne snuagh. Thuit an laoch air a leth-ghlùn; ’S a làmh lubt’ an taic a chuim; Chaidh tuaineal breislich mu ’shuil, ’S nial dubhraidh an dorcha dhuinn. An sin dhearbhteadh leir-sgrios gun dàil, Orts’ Ænéais àigh nan slògh. Mur b’ e beachd do mhàthar gaoil, Venus nighean aobhach Iòbh. Chuimhnich i iomaguin a crìdh’, Gaol Anchìseis ’s a’ ghorm ghleann; Leum i ’s thilg mu fiùran gràidh A dà làimh mar shneachd nam beann; Dh’ fhill i timchioll a chuim, ’Chearb de ’brat bu shoillseach snuagh: Lochd cha d’ rinn iom-chluith mu ’m pìc, No sgrios millteach nan calg luath. Romh strailleadh nan claidheamh dluth, Ruag nan cruibh-each, ’s fad nan ruinn, Ghiulain i ’mac saor a’s beud. Gu iomall crioch réidh an fhuinn. Ach ghleidh Stenelus beachd teann, Air ciad fhàint’ a cheannaird fhein: Eich mhic Thìd thug greis bho’n bhlàr, ’S dh’ fhasdaidh e ’n deagh àit’ air sréin. Ruith e ’n sin, a’s ghlac gun dàil, Eich Æneais a b’ àrd buaidh. ’S dh’ iomain as bho Thròidh ’n a leum, Null gu Greugaich nan arm cruaidh. Dh’ earb e ri chompanaich gaoil, Deipilus, laoch nan conn, Faodail luachmhor nan each seang, A ghrad-thoirt gu reang nan long. ’S measail a sheis’ aig gach treun, Dh’ fhàg sin iad le cheile saor. Leum esan air cul nan steud, ’S sheòl le’n sréin thair liad an raoin, ’N sin shuidh mac Chàbain gun cheilg, Air cathair a charbaid fhein. ’S chuir ’n an dian shiubhal na h-eich, Siar air Diomed nan cleas geur. Bhòchd e le feirg, an gaisgeach còrr, Mar reubadh a chòir bho ’làimh; Ruith e le fad shleagh nam beum, An deigh Venuis nan caoin ghradh. (Ri leantuinn.) [TD 81] SEALG BHEINN-EIDIR. Fionn le feachd an Feinne, Air cùl Bheinn-Eidir a’ sealg. Chuala mise roimhe so gu’n deachaidh Fionn le feachd na Feinne la a shealg gu cùl Bhein-Eidir. Thaghail iad air an uidhe a chur seachad na h-òidhche an tigh Abhchain bhig na bruinne. Bha cathair ann do gach triath ach Conan, ’s b’ eudar dhàsan suidhe gu leathan air leacan an urlair. Thòisich càch air fanaid air, agus air tilgeil smugaid na geilte air. Theann Conan ri carachadh a thoirt air fhein, ach ma theann, a mhic chridhe, cha b’ urrainn da glideachadh—bha shuidhe ’s a chasan air leanachd ris an urlar. An uair a chunnaic càch an orra-shuidhe bhi air a’ chulaidh-thruais a bh’ air na leacan, theab iad an clìth a chall leis a’s ghàireachdaich. “Bu mhì ‘pioc-an-coimheach,’” arsa Conan, “ach na ’m biodh sibh air an aon dìol riumsa cha b’ urrainn duibh mòran a dhianamh air ar son fhein, ’s cha bhiodh sibh cho ro mhath air magadh.” An uair a chuala iad so, theann iad uile ri gluasad, ach, cleas Chonain, bha an suidhe air leanachd ris na cathraichean, agus na cathraichean air leanachd ris an urlar. Chuir so a’ ghlas-ghuib orra, ’s dh’ àireamh Fionn an Fheinn. Dh’ ionntraich e dithis—Diarmad a’s Laothair, ’s shéid e corn-nam- fiùth. Am bial an anmoich, le tubaist air choirigin, mhearachdaich Diarmad a’s Laothair an Fheinn, ’s bha iad ag cumail air an aghart, gun dìon, gun fhasgadh gus an d’ thainig iad air sìthein faoin an iomall na frithe. Is ann ann an so a bha iad an uair a chuala iad an corn. Thuig iad gu’n robh iomral no éiginn ’s a’ chùis; a’s togar orra, gun bhuidh gun deoch, ’s dianar caol dìreach air an àite as an cual iad an corn—tigh Abhchain bhig na bruinne. Rainig iad; ach ged a bhiodh iad fhathast a’ dol timchioll an tighe, cha’n fhaigheadh iad dorus, no uinneag, no toll air. Mu dheireadh thug Diarmad leum air mullach an tighe, ’s cuirear dìdeag a stigh air an fhàrlus, agus faicear na suinn ’n an suidhe gu soistinneach. Bheannaich e dhaibh, a’s bheannaich iad dhà; agus dh’ fharraid e dhiubh an ann an sid a sheid Fionn an corn. Thuirt Fionn ’s e freagairt, gu’r h-ann, agus na ’m bu duine esan a bh’ air tì math, nach b’ ann romh ’n àm a thàinig e; ach na ’m bu duine e a bh’ air tì cron, gu’n robh gu leoir diante an sid mar a bha; agus an sin dh’ innis e mar a dh’ éirich dhaibh. “Innis dhomhsa ma ta ciod is math leat mi a dhianamh, ’s cha’n fhàg mi iall gun tarrainn gu fuasgladh oirbh,” arsa Diarmad. “Rach a dh-fhaire àth na h-amhna ud shios,” an nochd, arsa Fionn, “agus innsidh mi dhut am màireach, ciod a bhios agad ri dhianamh.” Thuirt Conan, “Mur toir thu leat biadh a m’ ionnsaidh-sa, cha bhi buaidh ach ortsa no ormsa cho luath ’s a gheabh mi fuasgladh.” Dh’ fhalbh Diarmad a’s Laothair a dh-fhaire na h-amhna. Cha b’ fhada bha iad an sin an uair a dh’ fhairich iad fuaim mhòr, fioram, agus farum tàirneinich, clachan beaga a’ dol an ìochdar, ’s clachan mòra a’ tighinn an uachdar! Co bha ’n so ach an triùir a bu shine de mhic righ Lochlunn le feachd armailte. “Co an dà ludaire mhor a tha ’n so, a’ faire an àth mu ’n tràth so dh’ oidhche,” arsa na farbhalaich. “Is coma sin,” arsa Diarmad, “ach co an triùir mhac righ sibhse le feachd armailte a’ dol a chur an àth mu ’n àm so dh’ oidhche, ’s gu ’m bu chòir dhuibh gabhail mu thàmh an déis dol fotha na gréine.” [TD 82] “Is sinne,” ars’ iadsan, triuir de mhic righ Lochlunn a’ dol air chuireadh gu cuirm ’s gu cuid oidhche gu Fionn Mac-Cumhail ’s gu mhuinntir.” “Cha teid sibh an sin an nochd ach thair m’ amhaich-sa,” arsa Diarmad; ’s dh’ fharraid e de Laothair cia dhiubh a chasgradh e triuir mhac an righ, no am feachd. “Casgraidh mise triùir mhac an righ,” arsa Laothair. Thòisich an cath; agus mar a bu tiuighe iad, is ann a bu taine iad; agus mar bu taine iad is ann a bu trom-bhuailtiche iad; ’s mar bu trom-bhuailtiche iad, is ann a bu trom-mharbhtaiche iad; agus an àm éirigh na gréine, cha robh ceann Lochlunnaich air coluinn no coluinn gun sgoltadh ’s gun àitheadh. An sin thog Diarmad a’s Laothair orra gu falbh. Mar a bha iad a’ tilleadh air an ais, gun mhìr bìdh gun diar dibhe, a’ smaoineachadh ciod a bheireadh fuasgladh do ’n Fheinn, tachrar maighdean Eilein-an-éisg orra, ’s cliabh de dh-aran ’s de dh-iasg aice. Bheannaich i dhaibh ’s bheannaich iad d’ i, ’s tuitear i ’n trom ghaol air Diarmad ’s thugar dhaibh gun obadh an cliabh ’s na bh’ ann ’s bu bheag leatha e, gu fuasgladh air maithean na Feinne. Rainig iad tigh Abhchain; ach cha deachaidh iad a stigh, air eagal gu ’n tuiteadh iad cleas chàich, fo dhraoidheachd righ Lochlunn. Is e a rinn iad dol air mullach an tighe, agus an t-aran ’s an t-iasg a thilgeil a stigh air an fhàrlus dhaibh—fear an deigh fir. Cha robh teanga Chonain riabh fo ’chrios agus choisinn a mhì-fhoighidinn da ’s droch-uair so, deireadh riarachaidh. Bha Diarmad ’g a chur seachad air Conan, agus Conan ’s a’ ghlaodhaich, “Na ’m b’ ann mar sin a dhianadh tu air na h-ingheanan cha bhiodh na mnathan cho trom an déigh ort.” Chuir Fionn an oidhche sin a rithist iad a dh-fhaire na h-amhna, ’s thuirt e riu làn na cuaiche thoirt leo de dh-fhuil mic an righ. Ràinig iad an t-àth. Cha robh iad ach goirid an sin an uair a chuala iad fuaim mhor, fioram agus farum mar a chuala iad an oidhche roimhe. Ciod a bha ’n so ach an triùir a b’ òige de mhic righ Lochlunn le feachd armailte. Thuirt mic an righ, “Co an dà ludaire mhor mhi-dhealbhach a tha ’n so?” “Tha sinne,” arsa Diarmad; “ach, co sibhse, no càite tha sibh a’ dol le feachd armailte a’ dol a chur an àth, ’s gu ’m bu chòir dhuibh gabhail mu thàmh an déigh dol fotha na gréine?” “Is sinne,” ars iadsan, “an triuir is òige de mhic righ Lochlunn, a’ dol air chuireadh gu fleadh gu Fionn Mac-Cumhail ’s gu mhuinntir.” “Bidh fios co is treasa mu ’n cuir sibh an t-àth an nochd,” arsa Diarmad; ’s gun tuilleadh éisdeachd, thuirt e ri Laothair, “cia dhiubh a dh’ fhoghnas tu do mhic an righ no do ’m feachd?” Thuirt Laothair gu ’m foghnadh e do mhic an righ, ’s chaidh na suinn an dàil a chéile, ’s mar bu tiuighe na Lochlunnaich is ann a bu taine iad, ’s mar bu taine iad is ann a bu trom-bhuailtiche iad, ’s mar bu trom-bhuailtiche iad is ann a bu trom-mharbhtaiche iad, ’s mu éirigh na gréine cha robh gin beo de na Lochlunnaich ach fear a bh’ air leth-laimh, ’s fear a bh’ air leth-chois. Thog iad làn na cuaiche de dh-fhuil mic an righ ’s thill iad gu tigh Abhchain bhig na bruinne. An uair a ràinig iad ’s a dh’ innis iad an sgial, thuirt Fionn ri Diarmad e chur na fala ri buinn a dha chois fhein an toiseach, agus an sin e thighinn a stigh ’s e ’g a cur riuthasan, ’s gu’m faigheadh iad fuasgladh. Is ann mar sid a rinn e. [TD 83] Bha Conan cho leamh ’s a b’ àbhaist le cion na foighidinn ’s gu’m b’ e an deireagan; ach, cha bu luaithe a bhean an fhuil dh’ a chasan na thug e leum as; agus le neart na cabhaige lean a shuidhe ris na leacan. Bha e an sin ’s an ochanaich air feadh an tighe gus an do shuath Fionn an fhuil ris, ’s an do leighis e. An uair a fhuair an Fheinn iad fhein uidheamachadh, dh’ fhalbh iad air cheann an turuis, a shealg gu cul Bheinn-Eidir. Ràinig iad gun mhoille gun sgìos, agus chuir iad an fhaghaid gu dian, toirteil, ’s rinn iad làmhach air an robh ainm. An uair a chualaich ’s a chruinnich iad an t-sealg ’s a shuidh iad a sheanchus, faicear iad luidreagan luaineach, mi-dhealbhach a’ leum gach feithe ’s a’ tomhas gach glaice, a’ dianamh orra caol dìreach. Thàinig e ’s bheannaich e dhaibh am briathran fiosnachail, fosnachail, fìor-eòlach. Bheannaich iadsan dàsan ’s na briathran ciadna. An sin dh’ fharraid Fionn d’ e fàth a thuruis. Thuirt an Luidreagan gu ’n robh e dol air tòir maighistir. Dh’ fhaighnich e dh’ e an robh ceaird aige no ciod an tuarasdal a bhiodh e ’g iarraidh. Thuirt an Luidreagan gu ’m bu chòcaire e, ’s gu ’n gabhadh e muinntireas bliadhna ’s nach biodh e ag iarraidh de thuarasdal ach aon achanaich; agus chuir Fionn muinntireas bliadhna air. “Cha ’n fhaod i bhi trom, ma ta” arsa Conan. “Fosadh ort, fhir chrìn a’ chonais,” ars’ an Luidreagan, “mhothuich mi lorg do theanga cian mu ’m faca mi thu;” agus gun fheitheamh ris a chòrr a ràdh no eisdeachd togar eallach de ’n t-sithinn air a’ mhuin, ’s tàrrar dhachaidh cho luath ’s gu ’m b’ eudar do ’n Fheinn Caoilte chur as a dheaghaidh a chumail seallaidh air. An uair a bhiodh Caoilte air an dàrna fàireamh bhiodh an Luidreagan air an fhàireamh eile; agus mar sin gus an d’ ràineas an tigh. Cha d’ rug Caoilte riabh air; ach bha ’n t-ana-cothrom aige: bha aige ri feitheamh gus an tigeadh an Fheinn ’s an t-sealladh, agus a rithist tàrrsuinn an deaghaidh an Luidreagain. Ach a dh-aindeoin an cabhaige, ’s cha bu bheag i, bha an t-sithionn air a gréidheadh rompa aig a’ chòcaire ùr. Bha iad fhein ’s an Luidreagan a’ tighinn air a chéile gu gasda—cha d’ fhuair iad còcaire riabh cho math ris. Ach coma, cha do ghabh e ach muinntireas bliadhna, ’s cha robh a’ bliadhna fada dol seachad. An uair a ruith an ùine, thuirt Fionn ris an Luidreagan ainm a chur air a thuarasdal. “Ma ta,” ars’ esen, “fhuair mi cho suairce, fiachail thu fhad ’s a thug mi fo d’ fhàrdoich ’s gu’r beairt is suaraiche dhomh d’ aoighealachd a dhìol le cuid oidhche thoirt dut.” Bha fios aig an Luidreagan gu math gu ’n cumadh Fionn a ghealladh, agus thuirt e ris gu ’n robh e ag cur mar chroisean ’s mar gheasan air dol gun ghille, gun chù, gun duine ach e fhein ’n a ònrachd, ’s oidhche chur seachad aige. “Càite am beil do thigh,” arsa Fionn. “Tha an iomall an domhain,” ars’ an Luidreagan, “’s bì-sa ’g a iarraidh gus an amais thu air,” agus ghabh e a chead diubh. “Cha mhi nach d’ aithnich gu ’m faodadh an achanaich a bhi trom,” arsa bial na h-iomchoire, Conan. Cha robh comas air. Bha Fionn a nise deas air son falbh. Thuirt an t-amadan ris: “Co a bheir biadh dhomhsa gus an till thu?” “Bheir am fear aig am fàg mi ordugh na Feinne,” arsa Fionn. “O, nach fhaod mi dol comhla riut,” ars’ an t-amadan. “Is duine thu,” arsa Fionn. “Nach leig thu Bran ann, ma ta,” ars’ an t-amadan. “Is cù [TD 84] e,” arsa Fionn. “Nach toir thu, cia dhiubh, leat slabhraidh Bhrain, ma’s dìon an cù, ’s dìon a shlabh-raidh” ars’ an t-amadan. Thog Fionn air, ’s thug e leis an t-slabhraidh. Shiubhail e cian fhada, ’s fada nan cian, a’s làn fhada air forfhais an tighe, gus mu dheireadh an d’ ràinig e tigh righ Lochlunn. Cha d’ rinneadh furan no faoilte ris; is ann a ghrad-iarr an righ air fichead de na bh’ air a laimh dheis éirigh ’s a cheangal. Dh’ éirich iad, ’s cha d’ fhàgadh cathair gun bhristeadh no tarrang gun fheachdadh, ’s a’ chuid nach do phronn Fionn de na fir, chuir e ceangal nan tri chaol orra. “Eireadh dà fhichead de na th’ air mo làimh chlì,” ars’ an righ, “’s ceangladh iad am farbhalach.” Dh’ éirich iad, ach cha b’ fhada gus an robh iad air dìol chàich. “Eireadh ceithir fichead agus ceangladh iad e,” ars’ an righ a rithist. Dh’ éirich iad sid, ’s cha d’ fhàgadh cathair gun bhristeadh, no tarrang gun fheachdadh, ’s rinneadh Fionn a cheangal. Thilg iad an sin fo ’n chomhla e. Gach uair a dh’ fhosgladh i cha ’n fhàgadh i rib chraicinn air eadar mullach a chinn agus buinn a chas; ’s an uair a dhùineadh i chuireadh i rithist air ais air e. Gu tuilleadh pianaidh a thoirt da, bhathas a’ tilgeil chnàmh air, agus an sin bhiodh na coin a’ sabaid air a mhuin ’s ’g a thoirt as a chéile ’n a shreòicean. Is ann mar sin a chuir Fionn seachad an oidhche, ’s bu daor a cheannach air muinntireas an Luidreagain. Bha mac de ’n t-Seanghall-eòlach air fear de ’n chuideachd, ’s ’n uair a chaidh e dhachaidh ’s a’ mhadainn, thuirt e ri ’athair gu ’n robh an t-aon duine bu bhriagha chunnaic e riabh air an aon dìol bu mhiosa chunnaic no chual e riabh, an raoir an tigh an righ. Ràinig an Seanghall-eòlach an righ ’s thuirt e ris nach b’ fhiach leis fhéin a leithid a dhianamh air duine sa bith: air Fionn Mac-Cumhail fhein mo dhearg nàmhaid, cha dianainn e—b’ annsa leam a chur thun a’ choin-ghlais aig Airc mac Donaich mhic Lir—loisgidh esan e le aon toth dh’ a anail, mar uidhe sheachd mìle dha. Dh’ aontaich an righ so a dhianamh, agus thug iad Fionn leò brùite, créuchdach mar a bha e, an coinneamh a’ choin-ghlais. An uair a dh’ fhairich Fionn an cù a’ tighinn thog e slabhraidh Bhrain ’n a làimh. An uair a chunnaic an cù Fionn ’s ann a thainig e shodal ris, agus cha leanadh e duine no bean ach e. Co b’ e an cu-glas ach bràthair do Bhran. Ghoid na Lochlunnaich e air an Fheinn ’s e ’n a chuilein. An sin chaidh Fionn a dh’ fhuireach do thigh Airc mhic Donaich mhic Lir, ’s thug e là a’s bliadhna ann, ’s an cu-glas ag glanadh a chréuchd ’s a’ leigheas a lot, gus mu dheireadh thall an d’ rinn e luim air corn-nam-fiùth a shéideadh. Bu dubhach, cianail an Fheinn fad na h-ùine sin a’ feitheamh ri sgial bho Fhionn; ’s bu shubhach aobhach iad ri cluintinn sgal a’ chuirn—ged a bu mhanadh na h-éiginne, bu rabhadh gu fuasgladh, a’s thog iad orra ’s an Treachaill-mhara null thair tuinn do Lochlunn. Bha buaidh na h-aoighe riabh air Fionn an sòlas ’s an dòlas, ri coigrich ’s ri dàimh, agus, ’n a eirpleach mar a bhà e, thàlaidh e cridhe Airc ’s a mhuinntreach, ’s bha iad uile fìor chaoimhneil ris. Là dh’ an robh bean-an-tighe ’s a’ choillidh a’ bleogham nan gobhar, faicear i na h-aon daoine b’ eireachdaile chunnaic i riabh ag caitheamh chleas air an tràigh. Mu ’n gann a cheangail i an t-imdeal air a’ ghogan, thugar i as ’n a ruith ’s ’n a leum dhachaidh; ’s thuirt i ri Airc ’s ri Fionn gu ’n robh na h-aon daoine bu bhriagha chunnaic i riabh ag caith- [TD 85] eamh chleas air an tràigh, ’s gu ’m b’ fhiach dhaibh dol a dh-aon ghnothach g’ am faicinn. Dh’ fhaighnich Fionn ciod a bu choltas daibh. Dh’ innis a’ bhean chòir an dealbh ’s an dreach mar a b’ fhearr a b’ aithne dh’ i; “ach,” ars’ ise, “tha aon lasgaire mùirneach, donn ann, ’s mar is math mo chuimhne, ’s e Diarmad a chuala mi iad ag ràdh ris—an t-aon duine ’s àluinne air an do leag maighdean a sùil, no, ge mòr am facal e, a sheas riabh air tràigh Lochlunn. Thuig Fionn gu math co b’ iad na suinn a bh’ air an tràigh, ’s togar air g’ an ionnsaidh. Is dearbh gu ’n robh mùirn a’s aighir air an Fheinn, ’s nach bu lugha othail nan con, an uair a ràinig Fionn. An uair a dh’ aithris e dhaibh gach allaban, a’s mìomhadh, a’s drochd-ghiollachd a fhuair, e agus cruadal a sheas e bho ’n a dhealaich iad, thog iad socag thalmhainn, ’s dh’ éubh iad “aichmheil.” Cha do leig Fionn leo an aichmheil a thoirt am mach—cha b’ fhiach leis; ach, an deaghaidh dhaibh taing a’s buidheachas a thoirt do dh-Airc air son ’aoidheachd, thug iad air an righ dol ’n am mèinn agus mathanas iarraidh. An sin thog iad na siùil ’s an Treachaill-mhara, ’s chuir iad an cùl ri tir nan geas; ach cha b’ ann a dheòin Chonain—b’ àill leis-san nach fàgadh iad ceann air coluinn, no crom, no clach, no fardach gun chreach ’s gun losgadh. An uair a chaidh iad air tir, chuir iad ri theine tigh Abhchain bhig na bruinne; a’s chuir iad a rithist an t-sealg air cùl Bheinn-Eidir. Rinn iad fleadh mór, mùirneach, aighireach, ’s thug iad cuireadh do ’n càirdean uile, ’s do ’n daimhich, a’s mhair e là a’s bliadhna, agus ma ’s fhior na chualas cha tig ’s cha d’ thàinig a leithid eile. GLASRACH. SOP AS GACH SEID. An uair a leumas e an ’fheill Brighde cha’n earb an sionnach earball ris an deigh. La fheill Brighde bàine bheir na cait an connadh dhachaidh. Cha tig fuachd gu h-earrach, Cruaich-chàs no droch-cheannach. Seachd bolla de shneachda gearrain Dol a stigh romh aon toll tora. Am fiar a thig a mach ’s a’ Mhàrt, Theid e stigh ’s a’ Ghiblin. Sgrìb mhor a’ bhonnaich bhig. Uisge teth bho’n bhuain, ’S uisge fuar bho’n ar. Am fear nach cuir ri la fuar, Cha bhuain ri la teth. ’S fhearr an sneachda na bhi gun sian An déis an sìol a chur ’s an talamh. ’S fhearr aon oidhche Mhàirt, Na tri oidhcheannan foghair. AN INID—an ciad mhàrt de’n t-solus earraich. An inid bheadaidh thig an là romh ’n oidhche. Ubh air inid ’s ian air chàisg, Am fitheach aig nach bi sin, Bithidh am bàs! Didònaich crom, dubh, Plaoisgidh mi ’n t-ubh. Mar chloich a’ ruith ri bruthach, Feasgar ruighinn earraich; Mar chloich a’ ruith le gleann, Feasgar fann foghair. Reothairt na Feill-Moire, ’S boile na Feill Pàdruig. La Fheill Pàdruig earraich, Thig an nìomhair (?) as an tom; Cha bhi mise ris an nìomhair, ’S cha bhi an nìomhair bhochd rium. AM A’ CHUIR. An ciad ’mhàrt, leig seachad; An dara màrt, ma ’s eudar; An treas màrt, ged nach rachadh clach ceann-a’-mheoir an aghaidh na gaoithe tuath cuir an sìol a’s talamh. Mìos Faoillich, seachdain Feadaig, ceir-ladiag Gearrain, seachdain Caillich, tri latha sguabaig, suas e an t-earrach. [TD 86] AN SGIOBAIREACHD. [Ceòl] Rinneadh an t-òran so le Iain Moirison a bh’ anns na Hearadh, ann am freagradh do dhàn molaidh a rinneadh dha leis an Urramach Frannsidh Mac Bheathain, a bha aig an àm a’ saoithreachadh ’s a’ chèarna sin de ’n Ghàidhealtachd. D. R. M. Chuala mi bho phàirt Mu’n chliù àdhmhor, fhlathail, ’Thug thu orm do chàch ’N a do dhàn ro ealant’; Dh’ fhuilingeadh e gun sgàth, Ged bhiodh dòrn no dhà Air a thoirt dheth ’bhàrr ’S e ro àrd bho ’n talamh, Air son daol-chnuimh fhalamh, Làn de ghaoid mhi-fhallain, Us de mhòr chuis-ghràin ’Th’ air mo chàirdean falaicht’. Ach, a Fhrannsidh chòir, Sheinn thu ’n ceòl ro fhada; Leig thu ’mach an sgòd Leis an t-seòl gu ’chlaigeann; ’N uair bu chòir an còrs’ ’Chumail suas air dòigh, ’S fraoch nan stoirm cho mòr, ’S sgiob’ air bòrd cho lapach ’S gu’m faod iad tre chadal, ’N àm nan sian ’s na frasachd, Calldach ’leigeadh òirnn, Nach diol òr air ais dhuinn. Ballaist ’chur ’s na cruinn, Cha chuir innte taic dhuinn; Siùil a chur ri ’druim, Cha chuir sgoinn ’n a h-astar; Stiùir ’chur os a cinn, Cha dean iùl do ’n luing; ’S pump gun’ cheann ’s an taoim Cha chuir sginn a mach dhith. Nach e ’ceum ’bhios glagach, ’Null ’s a nall, ’s air tarsainn? Ceart cha seòl i dhuinn, ’S gleus gach buill ás altan. Biadh a chur mu ’r druim, Cha chuir dhinn an t-acras; Eudach ’chur ’n ar broinn, Cha chum sinn gu fasgach; Clogaid ’bhi m’ ar buinn, Cha dean ceann-bheairt dhuinn; ’S brògan ’chur m’ ar cinn, Cha dean loinn do ’r casan; ’S déisthinneach mi-mhaiseach ’Bhios ar sgèimh ri fhaicinn; Cha tig neach ’n ar gaoith, ’Chi ach oillt ’n ar fasan. Cha tearainteachd dhùinn Toirt ar cùram seachad, ’G radh “Na abair dùrd, Tha ’n Insurance beairteach;” ’S iomadh aon ’bha ’n dùil Nach robh meang ’n an cùis, D’ a thrìd ’chaill an cùrs’, Dh’ easbhaidh diùdh us faicaill, ’S riamh nach d’ rànaig dhachaidh ’Dh’ ionnsaidh seòlaid acair’, ’S nach do sheilbhaich stùr Dheth na b’ ùidh leo ’ghlacadh. Ged robh sinn ’s an luing, Pailt an luim ’s an acfhuinn, ’S ged b’ eòl dhuinn le cinnt, Feum gach buill us beairte; Ciod an stàth ’bhios dhuinn Eòlas ’bhi ’n ar cinn Air gach ball ’bhios innt’, Mur ’bi sinn ’g an cleachdadh? Feumar còrd ’s an acair’, ’S ’cheann air bòrd ’bhi glaiste, ’S ris gach sruth us gaoith, ’N combaisd cruinn a leantainn. [TD 87-96] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 97] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula an h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] TREAS MHIOS AN EARRAICH 1875. [40 AIR. SEAN-FHOCAIL. IV.—TEOIDHIDH FEOIL RI FINE. ’S AN àm a dh’ fhalbh, ma dh’ fhaodte nach robh rian anns an robh Gaidheil na h-Alba cho comharraichte do choigrich, ’s a bha iad ’n an spèis ’s ’n an dilseachd d’ an Daoine fein; agus air an là diugh, ged tha, am measg iomadh Creidimh ’us Cleachduin a tha ’drughadh a stigh do na Glinn, suaraichead mu’n Daoine air faotainn aite ’n am measg nach b’ aithne d’an Aithrichean, tha ’n ceum-toisich aca fathast ’s an rathad so air luchd-aiteachaidh Bhreutuinn. Cluinnear gu minic am feart so ’g a mheas mar Chliu dhuinn, no ’g a thilgeadh mar Athais oirnn. Molar ’us cainear sinn air a sgàth. Tha na Sean-fhocail a tha ’g a chur an ceill air aon doigh no doigh eile ro lionmhor; ach cha ’n ’eil aon Sean-fhocal againn a tha ’g aithris na firinn ’n a lan-fharsuingeachd, oir tha iomadh taobh oirre, agus thug ar n-Aithrichean deagh aire do gach taobh. Tha ’n Cairdeas Gaidhealach ’n a ni tha do-thuigsinn do’n Ghall. Cha ’n ’eil sinne cho ullamh ’s a tha na Goill, ’s cha robh na Sean Daoine cho ullamh ’s a tha sinne, gu Caraid a’ radh ri Fear-eolais. ’S ann fior ainmig a theireadh ar n-Aithrichean Caraid ach ri aon d’ am fuil fein. Ach leanaidh sinne ar Cairdeas-fola moran na’s faide na ni na Goill; agus tha doighean againn air Cairdeas a dheanamh suas, agus tha dleasdanais a’ leantainn an lorg ar Cairdeis, air a’ bheil iadsan tur aineolach. A rèir nan Sean-fhocal, tha ceathrar dhoighean ann a tha gu h-araid a’ cur an ceill daimh dhaoine d’a cheile,—Co-dhaltas, Cairdeas, Cleamhnas, Coimhearsnachd. B’e cheud cheum ’s a chairdeas Co-dhaltas. Air thoiseach air a’ mhac a rugadh o’n aon bhroinn, thigeadh am mac a dheothail an aon chioch: “Co-dhaltas gu ceud, ’us Cairdeas gu fichead;” “An Co-dhalta nach dearbh àite, ’s mairg a dh’ airich duine riamh;” “’S caomh le fear a Charaid, ach ’s e smior a chridhe a Cho-dhalta.” B’e ’n ath cheum clann na h-aon Mhathar. B’e fuil na Mathar a bu tiugha na fuil an Athar: “Is blath anail na Mathar;” Is sleamhuin an laogh a shlìgeas a Mhathair;” Cha ’n abair mi mo Bhrathair, ach ris a’ mhac a rug mo Mhathair.” Mu leanamh air dhroch-càramh theirteadh, “Cha b’ann an uchd a Mhathar a bha e.” Cha robh fuachd ’us cion tluis na Muime air di-chuimhne; ’s cha robh truas ri ghabhail d’i: “Cha ’n iochd leam cnead mo leas Mhathar.” As deigh clann na h-aon Mhathar, bha ’n Teaghlach, Cairdean a reir an dluths’, ’s an Fhine: “Is miann le triubhas bhi measg aodaich; is miann leam fein bhi measg mo dhaoine;” “Teoidhidh Feoil ri Fine.” Bha Caraid do Charaid air a mheas mar do Charaid fein: “Mur e Bran, ’s e ’Bhrathair.” Cha robh ar n-Aithrich- [TD 98] ean, a reir coslais, a’ meas Cairdeas-posda ro dhluth. Theirteadh gun teagamh, “Cleamhnas am fogas, ’us Goisteachd am fad;” ach ’n a aghaidh so, tha ’n triuir Shean-fhocal a leanas: “Is fuar comunn an ath Chleamhnais;” “Cha dean mi da Chliamhain do’m aon nighinn;” “Is fuar don’ Chleamhna.” Mu na Coimhearsnaich theirteadh: “Is fearr Coimhearsnach am fogas na Brathair fad’ às.” Is snathainn tri-chaiste an Cairdeas Gaidhealach; agus is dluth a tha e air fhigheadh ann an Eachdraidh ar duthcha. Cha tuig coigrich a neart; agus ma dh’ fhaodte gu bheil a chumhachd thairis air caithe-beatha ar n-Aithrichean do-thuigsinn dhuinn fein. Feudaidh sinn na duail aireamh, ’s an spionnadh fa leth a dhearbhadh; ach cha bhi againn, ’n a dheigh so uile, ach beachd lag, faoin mu neart a’ cheangail a bha eadar ar n-Aithrichean ’s an Daoine. Am measg an Daoine fein, ’s ’n an dachaidh fein, bha iad laidir, misneachail: “Is dàna duine ’n a chuil fein;” “’S ard ceann an fheidh ’s a’ chreachann;” “Is dàna cù air òtraich fein;” “Is bean tighe an luchag ’n a tigh fein;” “Is binn gach eun ’n a dhoire fein.” Air an aineol, ’s ’n an aonar, bha iad lag, fann, meata: “Is diomhain gach cas air thìr gun eolas;” “Mar bho mhaoil am buaile choimhich;” “Mar fhear air carn;” “Cha ’n fhiach duine ’n a aonar;” “Is fuar leaba gun choi-leabach.” Agus ma thiunndas sinn o na Sean-fhocail gus na Baird, gheibh sinn a’ chliu cheudna air ar Luchd-duthcha;—àrd-mhisneach an uair tha iad am measg an Daoine,—an-earbsa an uair tha iad sgarte’ uapa: “Duisg solas an talla nan stuadh, Thill righ nam buadh le shluagh gu thìr,” chi thu anam a’ Bhaird a’ lasadh ’n a rann; ach thig smal air gnuis Chuchullin an uair tha fear a dheis-laimh a’ dhith air: “An d’ fhag thu mi, Fhearghuis bu chorr, ’S an sruth mor so ’tional ri ’m thaobh;” agus cha nàr le Righ Mhorbheinn na deoir a shileadh aig uaigh Ghuill: “Leig Fionn a thaice ri giuthas aosd’ A leag a’ ghaoth, aig ceann mhic Morna; ’N a dhuala liath bha dheoir am falach, A’s ula geal an sranna na sine: ‘’S a laoich feara na Feinne, An d’ fhag thu mise leam fein am aois.’” Agus cha ’n ’eil neach a chunnaic, ’n ar latha fein, an sealladh tiamhaidh sin, imrich as a’ Ghaidhealtachd do dhuthaich chèin, nach faca iomadh curaidh treun, “A dh’ fhuiling gailleann nan speur, Air cuan beucach nan geur fhras,” ’s a choinnich, gun taiseachadh, “Bàs ’n a mhile cruth,” a’ fàsgadh nan dorn, ri caoineadh, ’s ri bas-bhualadh, an uair a bha e ’gabhail a chead deireannach d’a Dhaoine ’s d’a Dhachaidh. Co bhuaithe tha ’m feart no ’n fhailinn so ’n ar Luchd-duthcha ag eirigh? A’ bheil an speis d’ an Daoine, an earbsa asda, ’s an dilseachd dhoibh, a’ ruith ’s an fhuil, mar rian a bhuineas do na Gaidheil mar Shluagh; no ’n rian e a gheibhear, ann an tomhas neo-chumanta, fior mu Ghaidheil na h-Alba a mhain? Cha ’n ’eil mi smuaineachadh gu’n dearbh Eachdraidh an t-Saoghail gur rian so, air son a’ bheil na Gaidheil comharraichte mar Chinneadh; ged tha e comasach gu leoir gu’m biodh a leithid de rian a’ ruith ’s an fhuil. Gheibhear gun teagamh cuid de theaghlaichean gach Cinneadh a nochdas a’ bhuaidh so os cionn cuid eile, agus feudaidh e bhith os cionn cuid de theaghlaichean a’ Ghaidheil; air chor ’s nach gabh e dearbhadh gu bheil sinn mar Shluagh dealaichte o Chinnich eile anns an rathad so. Ann an [TD 99] tomhas tha gradh d’a Dhaoine ’s d’a Chairdean nadurra do’n duine. Am measg nan Creutairean chi sinn gradh agus iochd d’an Sliochd ’s d’ am Parantan, a naraicheadh moran d’ar luchd-eolais, air a nochdadh. “Ma’s geal, ma’s dubh, no ma’s donn, is toigh leis a’ ghabhar a meann.” Ach, am measg nan Creutairean, saoilidh mi nach leanar an Cairdeas a bheag ’n as faide na bho Pharantan gu cloinn. Mu na Creutairean tha e gu sonruichte fior, gu’n teid Eolas thar a’ Chairdeis. ’N a oige ’s ’n a aois tha ’n duine na’s feumaile air cuideachadh na creutair sam bith; rè a bheatha tha ’shonas ’s a thruaighe na’s mo an crochadh r’a Cho-chreutairean; agus a thuilleadh air so, do bhrigh ’s gu bheil inntinn na’s farsuinge, tha ’bheachd mu ’dhleasdanas dhoibhsan a bhuineas d’a a’ sgaoileadh a mach na’s leatha ’s na’s faide. Tha mi meas gu bheil cumhachd Naduir a’ stad an so. Ach far a’ bheil Nadur a’ stad, tha Eachdruidh ’us Cleachduin a’ toiseachadh; agus anns a’ cheum so, feudar da-rireamh “dara nadur” a’ radh riu,—seadh dara nadur a chithear iomadh uair na’s treise na ’cheud nadur. Agus is coir a chuimhneachadh an uair a tha Cleachduin a’ gleidheadh a h-aite rè mhorain ghinealach am measg sluaigh, gu bheil brigh na Cleachduin a’ faighinn greim ’s an nadur no ’s an fhuil; ’s gu’m feudar le firinn a’ radh, gu bheil a Chleachduin nadurra do’n t-sluagh. Cha saoil mi gu’n ruigear a leas dol a rannsachadh air son rian sam bith ’s an fhuil Ghaidhealaich o thus’, a chum an speis neo-chumanta a tha Gaidheil na h-Alba a’ nochdadh d’ an Daoine fein a thuigsinn. Tha cor nan Gaidheal ’s an Rioghachd o chionn ochd ceud bliadhna lan-chomasach air a’ bhuaidh so ’n ar Luchd-duthcha a mhineachadh dhuinn. O linn Chaluim a’ Chinn Mhoir feudar a’ radh gu bheil an cumhachd Gaidhealach a’ dol an laigead an Albainn. Iomadh bliadhna roimhe sin, bha moran de’n chuid a bu toraiche de’n fhearann an lamhan nan Gall; agus cha b’ iadsan riabh a leigeadh às d’an deoin ni air am faigheadh iad greim. Ri linn Chaluim ghlac Coigrich leis an laimh laidir Rioghachd Shasuinn; agus bha ’n t-oighre dligheach ’n a fhogarrach. Phos Calum a’ Chinn Mhoir Mairiread piuthar oighre Shasuinn, agus lean moran de uaislean Shasuinn a Bhan-righ do Albainn. Thug iad Canain ’us Creidimh ’us Cleachduin an duthcha fein leo d’ an dachaidh ùir. Cha robh tuilleadh ach beag meas air Canain ’us Creidimh nan Gaidheal aig cuirt an Righ. Chaidh mar so a’ Chrioch Ghaidhealach atharrachadh na b’ fhaide Tuath ’s an Iar; agus riamh o’n latha sin, uigh air uigh, ’s ann a’ dol a’ Tuath ’s an Iar a tha i, ’s a reir coltais a bhitheas i, gus an ruig i ’n Cuan. Bha na Goill seolta, misneachail, treun; agus o’n àm so, bha cothrom an là aca. Chunnacas uair ’us uair bhuaithe sin iad fein ’s na Gaidheil guala ri guala, air iomadh àr-fhaich, a’ seasamh còir Albainn an aghaidh ain-tighearnais Shasuinn, ’us còir Bhreatuinn an aghaidh ain-tighearnais na Frainge; ach cha ’n eil teagamh nach eil, o’n àm ud, an dà shluagh buailteach do bhi ’g amharc le suil chlaon, amhurusach air cach a cheile, agus nach faodadh na Gaidheil iomadh uair le reusan a radh, “Is fuar gaoith nan Coimheach.” Ach an uair a bha mar so aobhar cumhachdach o’n leth a muigh aig na Gaidheil air son a bhi seasamh a cheile mar Chinneadh; dh’ eirich aobhar moran na bu chumhachdaiche ’n am measg fein air son a bhi seasamh a cheile mar Fhine. [TD 100] Sheachnadh na h-uaislean Gaidhealach cuirt an Righ; ach cha seachnadh iad cuid an Coimhearsnaich. ’N an Glinn iomallach cha ruigeadh Lagh orra; agus thainig gach Ceann-Cinnidh gu bhi ’n a Lagh dha fein ’s d’a luchd-leanmhuinn. Cha b’e Ceart ach Neart aig an robh an lamh-an-uachdar. An uair a b’e Comhairlean nach bu toigh leo, air an toirt seachad an Canain a bu bheag orra, a bha riaghladh na Rioghachd, sguir na h-uaislean Gaidhealach a thathaich na Cuirt cho tric ’s a bu choir dhoibh; agus cha b’ fheairrde Iad fein, an Daoine, no ’n Duthaich an dearmad so. Dh’ fhas gach aon ’n a Righ thairis air na bheireadh umhlachd dha. Gun teagamh cheangail an Caithe-beatha so an Ceann-Cinnidh ’s an Fhine r’a cheile; agus thug e brigh d’ ar Sean-fhocail nach tuigear an àite eile. “Teoidhidh Feoil ri Fine;” “Is fada cobhair o mhnaoi ’s a muinntir an Eirinn;” “Is fada ’n eigh a Loch-A, agus cobhair o Chlann O’ Duibhne; “Cha do threig Fionn riamh caraid a laimh dheis.” Creididh mi nach robh am modh-riaghlaidh so air a chleachdadh an àite eile air doigh a b’ usa ’ghiulan na bha e ’s a Ghaidhealtachd; agus tha mi dearbhta gu bheil gus an là diugh iomadh deadh bheus cumanta ’n ar measg, a tha sruthadh o’n cheangal dhluth a bha eadar an Ceann-Cinnidh ’s a Dhaoine, ’s àm a dh’ fhalbh; ach ’s mor m’ eagal gu bheil iomadh rian nach leir do’n t-suil, aig a’ bheil aite domhain, bunaiteach ’n ar Nadur a dh’ fheudtadh a’ lorgachadh gu riaghladh nan Ceann-Cinnidh; riaghladh a tha freagarrach air son cloinne, ach d’ a’ bheil e suarach do Dhaoine Saor geilleadh; riaghladh nach do ghleidh àite fada an tìr sam bith gun a thoradh amhuidh fhagail ’n a dheigh; riaghladh a sheas ceudan bliadhna tuilleadh is fada an Gaidhealtachd na h-Alba, ’s a chuidich na Gaidheil fhagail iomadh ginealach air deireadh air Cinnich eile nach ’eil na’s airde buaidhean na iad fein. Cha ’n ’eil teagamh nach do chuidich gnè na Tìre, ’us caithe-beatha an t-Sluaigh an ceangal eadar na Sean Daoine anns a’ Ghaidhealtachd a theannachadh. Tha e air aideachadh air gach laimh gu’n do chuidich greadhnachas na Tìre—na Beanntan arda, na Glinn uaigneach, na Coilltean dosrach, ’s an Linne bhruailleineach—ardachadh-inntinn a ghintinn am measg an t-sluaigh, a dhearbhas ar smuain ’s ar canain gus an là duigh. Ach cha b’ ann mar Bhana-mhaighstir-sgoil a dh’ amhairceadh air n-Aithrichean mar bu trice air am Beanntan, an Glinn, ’s an Lochan; cha b’ ann, ach mar dhuilean aig an robh gun teagamh buaidh laidir thairis air an Smuain ’s air an Creidimh, ach gu h-araid a bha ’g an ceangal dluth ri cheile mar Choimhearsnaich. Bha luchd-aiteachaidh nan Gleann ’s nan Eilean sgarte’ o’n t-Saoghal mu’n cuairt doibh; agus do bhrigh sin bha gach baile ’n a shaoghal dha fein. Agus bha bochdainn na Tìre a’ cuideachadh an ceangal eadar na Sean-daoine a neartachadh. A chum lòn a sholar d’an teaghlaichean b’ eigin comuinn a dheanamh suas, agus cunnairt a ruith nach tuigear gu ro mhaith an diugh. Agus tha fios againn uile gur e co-chomunn ann an cunnartan gad is righne ’s an Eolas. “Is toigh leinn, ’s an àm ri teachd, a bhi deanamh luaidh an na cunnairt a ruith sinn comhla’” arsa ’m Bard Romanach. Agus cha ’n fhaighear ’n ar latha-ne Companaich cho dluth ri Saighdearan ’us Seoladairean. Bha mar so iomadh ni an Eachdraidh nan Gaidheal an Albainn a bha ’cuideachadh firinn an t-Sean fhocail a neartachadh. Cha ’n ’eil teagamh nach robh agus nach ’eil [TD 101] cumhachd mor aig an fhaireachduin thairis air ar Caithe-beatha,—anns a mhor chuid, gun amhurus, air son maith. Ach cha ’n ’eil teagasg an t-Sean-fhocail an comhnuidh a chum fior leas an t-Sluaigh. Is cliuiteach an teisteanas air Sluagh gu bheil iad gaolach mu’n Daoine fein; ach ’s iomadh ni cliuiteach ann fein, a ghabhas a bhi air oibreachadh gu aimhleas an aite leas sluaigh. ’Se mo bharail gu’n do thachair so, ann an tomhas, ’s a Ghaidhealtachd mu thimchioll firinn an t-Sean-fhocail so. Cha d’ fhuirich sinn air ar n-each mor,—chaidh sinn thairis air. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil Cuingeachd-inntinn, Leth-bhreith, ’us Claon-bhaigh a’ leantainn an lorg an teagaisg, an uair a bheir thu leithid do gheill dha, ’s gu ’n seas thu do charaid—an coir no ’n eucoir. A thuilleadh air so, ma chumas ar ceangal r’ar Daoine sinn an comhnuidh f’an comhair, tha a’ bhuaidh cronail dhuinn. Chunnaic mi o cheann beagan bhliadhnachan aig aiseag leth-oireach mu Thuath, dà sheana ghille nach rachadh tri mile o’n dachaidh air eagal ’s gu’m basaicheadh an athair mu’n tilleadh iad. Cha robh an t-athair na bu tinne na bha e rè dheich bliadhna roimhe sin. Is caomh, blath an spiorad so; ach cha d’ ardaich a leithid so de spiorad cliu sluaigh, agus cha’n ardaich. Bha na gillean ud gun teagamh ni bu treise gairdean na Nelson; ach cha bu mhor a b’ fheairrde an saoghal sin, agus cha bu mhor, ma dh’ fhaodte, a b’ fheairrde an athair e. Saoilidh mi gu’m bu choir dhuinn air uairean a chuimhneachadh gu’m feud amannan a bhi ann am beatha an duine an uair is e ’dhleasdanas leigeadh “leis na mairbh am mairbh fein adhlacadh.” Ach ged tha e comasach dhuinn cuid de dhoighean fhaotainn a mach anns am feud ro-speis d’ar Daoine a bhi ’n aghaidh ar leas saoghalta, gu sonruichte ann an duthaich iomallach, neo-thorach mar tha ’Ghaidhealtachd; cha ’n ’eil na doighean so ach beag, faoin ann an coimeas ri neart na buaidh air son ar fior leas anns gach àm, agus ann an coimeas ris a’ chliu a choisinn a’ bhuaidh dhuinn ’s an àm a dh’ fhalbh. ’S ann o’n bhuaidh, ann an tomhas mor, a tha ’g eirigh ar n-uaill ’n ar Sinnsearachd; agus a dh’ aindeoin gach caineadh a ni a’ Chleir air uaill, tha mi meas gu bheil an dlu-cheangal ris a’ bhuaidh so na Cleachduinean is cliuitiche a bhuineas duinn. Cha ’n ’eil neach a leugh a bheag de Eachdraidh nan Daoine a b’ urramaiche d’ ar Cinneadh, mar bha Daibhidh Mac-a-Leighe, nach faca an cumhachd a bh’ aig Eisempleir mhaith an Aithrichean thairis air an deanadas. Cha ’n ’e suil an t-Saighdeir a mhain a lasas an uair a chluinneas e an earail: “Cuimhnich air na Daoine o’n d’ thainig thu.” Bhiodh e duilich, am measg gach cothrom a th’ againne air son ar crannchur ’s an t-saoghal ardachadh, a choisinn gleustachd agus seirc ar n-Aithrichean dhuinn, na ’n cailleamaid sealladh air an aon bhuaidh is luachmhoire, ma dh’ fhaodte, a thiodhlaic iad dhuinn,—Meas, agus Speis, agus Dilseachd d’ ar Daoine fein. Tha suaraichead mu’n Daoine, marbh ’us beo, agus mu’n Dachaidh a’ faighinn greim na’s dainge air Inntinnean nan Og an Albainn bho là gu là; agus feudaidh e bhith nach ’eil a’ Ghaidhealtachd air leth air a chorr de’n Rioghachd anns a’ cheum so. Is duilich mur ’eil. ’S e mo bheachd gu’m biodh spèis ar n-Aithrichean d’ an Daoine ’n a phris ro-dhaor ri phaigheadh air son gach sochair nach ’eil aca ’cheana a ghuidheamaid d’ ar Luchd-duthcha. D. M‘K. [TD 102] SOIRIDH LEAT A CHIALAIN. SOIRIDH leat, a’s beannachd agad, Oigh nan cas-cheum lùthar; Mura b’e na bheil a steach, Gu’n rachainn leat le dùrachd Dh’ ionns’ an teach an robh thu ’n raoir. Fhad ’s a bhitheas tu mu m’ choinnimh, Bidh mo chàirdeas riut gu soilleir— So mo làmh an déis mo gheallaidh, ’S bidh mo chomunn riut gun fhoill. Fhad ’s a bhitheas, &c. B’ ait e leam a bhi ’n ad chaidreamh. ’S parson bhi ’g ar pòsadh. Ma ’s e sin a’ chùis ’g am faisg e, Cha bhacar an t-òrdugh,— Bhi ’g a bhacail cha ’n ’eil feum, Bho ’n is cumhnant e ’s nach gealladh, Obair ùr a bhi ’g ar mealladh, ’S mòr mo dhùil a dheòin no dh’ aindeoin, Bhi ’g ad tharrainn as an roinn. Ach ma bheirear dhìom thu dh’ aindeoin, ’S deimhinn leam gur fìor e: Nach ’eil bonn de sid am charaibh, Mura ceil mi ’n fhìrinn— O! ’s tu mo roghainn uile ’n chloinn. Cha leiginn seachad mo thagradh, Dh’ aindeoin na bhiodh ’g ad bhagradh, Dhianainn fàsach dhe do leaba— Dh’ fhalbhainn leat air feadh na h-oidhch’. Bi thusa sãmhach, le d’ mhagadh, Mhacain, tha thu gòrach; Cha ’n ’eil coir’ ann an sin idir, Ma bhios mise deònach— O! bidh do ghaol-sa ann an suim. Tapadh leis a’ bhial a labhair Comhradh cinn is tearc a shamhuil. Thog thu m’ inntinn ann an aighir, Bhi ’g ad fhaighinn, ’s mór mo loinn. ’S mor mo chiatabh dhe do chleachdadh, Chuir do thlachd a ’n t-sliabh mi. ’S mur ’eil pàidheadh an sin agam, B’ fhearr nach faicinn riabh thu, ’S a bhi cho tric air tì do ghaoil. Dian-sa foighidinn, a chuilein, ’S bidh do ghaol ann am bunainn, ’S tu mo roghhainn thair gach duine, ’S cha bhi ’n turus ud an call. Soiridh leat a’s beannachd agad, Dh’ fhàg thu m’ acain éutrom. Gura bliadhna leam gach seachdain, Gus am faic mi d’ éudann— ’S gura seachdain leam gach oidhch’. Ciod e chuireadh tu gu fadal, Ged bhiodh tu seachdain gun m’ fhaicinn, Soiridh leat a’s theirig dhachaidh, Dh’ ionns’ an teach an robh thu ’n raoir. Soiridh leat, a chialain, Soiridh leat a’s beanncchd agad, ’S gu ’m bu slàn a thig thu rithist Air an t-slighe chiadna, O! gearr no fad g’ am bi thu bhuam. Ach mur fuirich thu gu madainn, Thug thu eutromach’ do m’ aigne. Soiridh leat a’s beannachd agad, Bho ’n nach ’eil thu fad am foill. COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—Ud! Ud! a Choinnich, ciod a thainig ort o cheann mios no dha! Bha eagal orm gu ’n d’ fhalbh do chàirdean, na sìthichean leat; ach tha mi toilichte d’ fhaicinn a ris gu slàn, fallain. Guma fad a bhios slàinte agus comus nan cas agad, a charaid ionmhuinn. Tha mi an dòchas gu ’m beil Seònaid agus òigridh a’ Ghoirtein-Fhraoich gu leir air am bonnaibh. COIN.—Tha iad uile gu gleusta, taing dhutsa, a Mhurachaidh, ach tha mi ’faicinn gu ’m beil na sìthichean fathast ad cheann-sa, agus nach deachaidh e air dearmad ort beum a thoirt domhsa d’an taobh. Dh’ innis mi roimhe dhut nach e mo leithid-sa a tha ’dhìth air na leannain-shith, ach òg-mhathan mar an dithis nighean sin agad fein. Ach coma co dhiubh, cha’ n ’eil na creutairean bochd a’ cur dragh sam bith ormsa, ma tha iad idir ann, oir, do m’ thaohh-sa tha iad gle neo-chiontach. MUR.—Ma tha iad idir ann! An ann mar sin tha’n gnothuch, a charaid? Am beil Coinneach Ciobair a’ cur an teagamh gu’m beil na sithichean idir ann? Nach d’thuirt e gu’m fac da shùil a sheanar iad, agus gu’n cuala da chluais a sheanmhar am bìnn-cheòl aca, a’ cur nan onoc uaine air chrith le’n co’-sheirm agus le’n ruiteireachd gach oidhche de’n bhliadhna? [TD 103] COIN.—Ged tha thusa ri fala-dhà riumsa, a Mhurachaidh, tha fios agad mòran na’s fhearr na th’agamsa, gu’n robh ar ceud-sinnseara, agus luchd-àiteachaidh na dùthcha so ’s na ceud linntean, ’g an toirt fein suas do nithe ro lionmhor de’n ghnè sin, ged nach ’eil idir cuimhne no sgoilearachd agamsa chum an leagadh ris dhutsa; ach is minic a chuala mi seann daoine a’ labhairt umpa, agus ’g an creidsinn ceart cho cìnnteach ris a’ Bhioball. MUR.—Tha thu gle cheart an sin, a Choinnich, oir dìreach mar a thuirt thu, bha luchd-àiteachaidh na righeachd so anns na ceud linntean a’ toirt geill do’n t-saobh-chràbhadh is iongantaich’ agus is eagallaich’ air am bu chomas do dh-inntinn an duine idir smuaineachadh. Bha iad a’ creidsinn gu’n robh famhairean ann aig an robh mor-chumhachd, agus mar an ceudna troichean, a bha ’n an creutairean beaga, diblidh, agus gun diù. A thuilleadh air sin, mar a dh’ innis thu fein domh roimhe, bha iad a’ toirt géill do thaibhsean de gach gnè, do bhuidseachd, fiosachd, druidheachd, dubh-chleasachd, geasadaireachd, agus ìnnleachdan eug-samhla chum cor gach neach a shuidheachadh agus a riaghladh. Bha na h-amannan sin ro chianail agus eagallach; agus cha’n urrainn duinn a bhi taingeil na ’s leòir dhàsan a chuir na nithe sin fo sgaoil le solus dealrach Fhacail fein. COIN.—Is e sin an fhirinn, a Mhurachaidh, ach bha thusa glé chruaidh ormsa, agus a’ deanamh fanoid orm, an uair a linn mi mo dhìchioll air na nithe sin a leagadh ris air an cuala mi iomradh, an uair a tha mòran, de bharrachd eòlais agad fein mu’n timchioll na bha riabh agamsa. So, so innis domh tuilleadh mu na cleachdannan iongantach sin, oir tha eòlas agad orra gu leir. MUR.—Ma ta, a Choinnich, bho’n a chunnaic mi roimhe thu, chaidh mi a dh-ionnsaidh Ministeir na sgiorachd againn, agus thug e mòr eòlas domh air na cùisean sin, an dà chuid le bhriathran beoil agus le leabhraichean. Gus an do thachair sin bha barrachd mor eolais agad fein orra na bh’agamsa. COIN.—Thuirt thu rium roimhe, a Mhurachaidh, gu’n do dhealbhadh reachdan le Ard-chomhairle na rìgheachd, agus mar an ceudna le Ard-sheanadh na h-Eaglaise chum iadsan a pheanasachadh a bha ’cleachdadh druidheachd, no buidseachd, no cleasachd de’n ghnè sin; an urrainn dut, uime sin, cùis sam bith aithris domh far an do chuireadh na reachdan sin an gnìomh an aghaidh chreutairean truagha sam bith de’n ghnè sin? MUR.—Dh’ fhaodainn na ficheadan eiseimpleir a thoirt dhut air sin, a Choinnich, ach féumaidh tu a bhi riaraichte le dhà no tri. Rinneadh laghannan cruaidh ann an Sasunn an aghaidh nam buidseach cho tràth ris a’ bhliadhna 1541, ann an linn Ionraic VIII. Le binn nan lagh cruaidh so, chuireadh mòran gu bàs a bha ’cumail a mach gu’n robh cumhachd na druidheachd aca. Ach anns a’ bhliadhna 1562, rinn Ban-righ Ealasaid na laghannan a bha ann roimhe sin, a cho-dhaingneachadh ’n an cruas agus ’n an déine. Is iomadh neach truagh aig nach robh barrachd de’n chumhachd sin na tha agamsa, a chaidh a chur gu bàs, do bhrìgh gu’n deachaidh an t-iomradh a mach gu’n robh iad comusach air nithean anacneasda a dheanamh. COIN.—Bha na cùisean sin gle chruaidh gun teagamh, ach am beil iomradh cinnteach mu neach sam bith a chuireadh da rireadh gu bàs, air son gu’n do chuireadh an cionta sin as a leth? [TD 104] MUR.—Tha, na mìltean, an da chuid ann am Breatann, agus air Morthir na Roinn-Eorpa. Ann an earrach na bliadhna 1593, chrochadh seann duine d’am b’ainm “Samuel,” agus a bhean ’s a nighean, air son buidseachd a dheanamh air cloinn duine ann am baile Huntington, ann an Sasunn. Anns a’ bhliadhna 1612 chuireadh a dha dhéug gu bàs anns a’ chroich, air son an aobhair cheudna ann an Lancaster,—siathnar ann an York, anns a’ bhliadhna 1622, seachd-deug aig Lancaster ann an 1634, sea-deug aig Yarmouth ann an 1644, cuig-deug aig Chelmsford ann an 1645, agus tri fichead ann an Suffolk ’s a’ bhliadhna 1646,—ach cha’n ’eil an sin ach neoni dhiubh. COIN.—Neoni! a Mhurachaidh, is cianail, ’s eadh, ro chianall do naigheachd,—agus an déigh sin am beil thusa a’ deanamh a mach nach ’eil a’ leithid de ni a’s buidseachd idir ann? MUR.—Tha mi gun teagamh, a Choinnich: rinneadh na reachdan sin,—chuireadh an gnìomh iad,—chuireadh na miltean gu bàs fo’n ainm gu’n robh an cumhachd sin aca, agus an deigh sin cha robh barrachd aca dh’e na tha aig Coinneach Ciobair. COIN.—Nach bu chruaidh a bhuineadh riu, gu sònraichte ma bha iad neo-chiontach, mar a réir do bharalach-sa bha iad! MUR.—Gle chruaidh gun teagamh, ach bha na h-amannan sin dorcha, agus bha gach àrd agus iosal air an toirt gu taobh gu ro mhòr le fuar-chràbhadh ’s le saobh-chreideamh. COIN.—Tha mi ’n dòchas, a Mhurachaidh, nach do thachair a’ leithid sin ann an Alba. MUR.—Ann an Alba! an e thuirt thu? Thachair, a Choinnich, fichead agus fichead uair. Thachair e gu ro thric ’n ar bailtean mòra, mar a ta Duneideann, agus Glaschu,—agus thachair e ’s a’ Ghaidhealtachd fein. COIN.—Ud! Och mo chreach, a Mhurachaidh, tha thu a’ tarruing bogha fhada gu’n teagamh a nis! ’s a’ Ghàidhealtachd! an e a thuirt thu? An ann a’ bruadar, a charaid, no ’cur conais air Coinneach Ciobair? MUR.—Cha’n ’eil mi ann am breislich no ann am bruadar, no ’cur conais air Coinneach Ciobair, ach a’ cur an céill firinn a ta air a co’-dhaingneachadh ann an eachdraidh na righeachd. Mu dha chéud gu leth bliadhna roimh so, thugadh gairm gu cùirt, le òrdugh an righ, do Chatriona Ros Bantighearna Fodhlais, a cheann gu’n d’rinn i suas ri buidsichean gu cur as do Roibeart agus do dh-Eachann Munro, d’an robh an oighreachd dligheach. Ghnàthaich i gach cleas ’n a comas, maille ris na ban-bhuidsichean sin chum bàs nan daoine sin a thoirt mu’n cuairt. Rinn iad cuirp-chreadha dhoibh, agus ghnàthaich iad gach mallachd a bha ’n an lorg. Fhuair a’ bhaintighearn a saorsa, a cheann gu’n robh an luchd-deuchainn air a taobh. Anns a’ bhliadhna 1591, chuireadh gu bàs anns an taobh deas, Ealasaid Roy, Seumas Reid, Pàdruig Currie, Isiobail Grierson, agus Gaorsal Gardiner, a cheann gu’n robh iad le geasan a’ cur euslaintean air daoine ’s air feudal, a’ togail nam marbh, agus ’g an gearradh ’n am bloighdean,—a’ milleadh toraidh an talmhainn, agus a’ dol ann an riochd nan cat, gu sgrios a dheanamh anns gach àite. Chumadh a’ chùirt mu dheireadh ann an Alba air son buidseachd air Ealasaid Rule ’s a’ bhliadhna 1708, far an do dhiteadh i gu bhi air a cur thar fairge uile làithean a beatha. Rinneadh an crochadh mu dheireadh ann an Alba air son a’ chionta so ann an Dòrnoch ’s a’ bhliadhna 1722, far an [TD 105] do dhiteadh gu bàs seann chailleach a bha ris na cleachdanna so, le Dabhaidh Ros siorra Ghallaobh. Tha e air a dheanamh a mach nach lugha na ceithir mìle a chuireadh gu bàs ann an Alba a mhàin, air son an aobhair so, a thuilleadh air na mìltibh ’s a’ Ghearmailt, agus ann an dùthchannan eile. COIN.—Ma ta, a Mhurachaidh, dh’fhàg thu balbh mi, air do d’ bhriathran mo lionadh le h-iongantas co mòr. Ach ciamar a tha cuimhne agadsa co math air na cùisean sin? MUR.—Thug am ministear còir againn leabhar domh a tha air a lionadh le eachdraidh nan nithe sin, agus chum mi cuimhne air mòran diubh los an aithris dut, a Choinnich. COIN.—Tha e soilleir, ge ta, gu’n do bhuineadh gu cruaidh le lagh na dùthcha ris na truaghain sin mur robh iad ciontach. MUR.—Cha’n ’eil teagamh air sin idir, a Choinnich, oir bu chianail an gnothuch e air fad! Dhìteadh iad air son cionta nach b’urrainn a bhi ann. Agus co a dhìteadh? Iadsan, mar bu trice, a bha aosda,—bacaich, crioplaich, agus doill,—iadsan a ghreasadh le bliadhnaichean agus aois gu bochdainn ’s gu truaighe—’s eadh iadsan air son am beil muinntir nan linn a tha làthair a’ deanamh solair, a’ togail thighean-mora, agus a’ solaireadh gach dìdein agus goireis. Agus cò a dhìt iad? Iadsan a bha mòr, measail, glic, fòghluimte, agus urramach ’n an là ’s ’n an linn fein! Daoine a bha comharraichte thar chàch air son an tuigse, agus am buaidhean ìnntinn,—righrean, prionnsaichean, maithean na tire,—luchd-lagha,—ministeirean an t-soisgeil,—agus luchd-riaghlaidh de gach gnè! Is iad so a thug breith air a’ chiont,—a thug a mach gach binn,—agus a chuir na daoine truagha sin a mheasadh coireach, dh’ionnsaidh na croiche, no dh’òrduich gu’m biodh iad air an losgadh beo! Is mòr an t-aobhar taingeileachd a th’againn, a Choinnich, gu’m beil cùisean air an atharrachadh, agus gu’m beil a nis laghannan eagnaidh, cruaidh, ceart, a’ dìon beatha nan uile, agus a’ cumail a dhlighe fein ris gach neach. COINN.—Is mise a tha ’n ad chomain, a Mhurachaidh, air son gach ni a chuir thu co réidh, soilleir an céill domh mu na nithibh iongantach sin, agus cha’n ’eil teagamh sam bith nach ’eil caochlaidhean mòra air teachd oirnne mar righeachd, leis mar a tha eòlas de gach gnè air a chraobh-sgaoileadh am fad ’s am farsuing; agus eòlas trid am beil gach cleasachd, fiosachd, agus druidheachd a’ teicheadh mar na h-eòin-oidhche, agus ’g am fallach fein ann an ionadan tiamhaidh an dorchadais. MUR.—Ma ta, a Choinnich, is tu tha ’fàs ealanta, deas-chainnteach mu na nithean sin d’an robh thu a’ toirt làn-chreideis bho cheann beagan ùine air ais, an uair a bha thu a’ seasamh suas gu dian air son firinn gach faoineachd air an d’thug sinn iomradh. COIN.—Cum ort, a Mhurachaidh, tha na nithe sin a nis seachad,—ach cha’n ’eil teagamh agam nach ’eil mòran tuilleadh agad ri ràdh fathast mu’n timchioll. MUR.—Tha agam ri ràdh na lìonadh leabhar, na’n ceadaicheadh ùine dhomh, air taibhsearachd, tannaisg, seallaidhnean eagallach, agus mi-nàdarra, agus nithean de’n ghnè sin, ach feumaidh iad sin là eile. Is leòir do ’n diugh na labhradh a cheana. COIN.—Air là eile biodh e, ma ta, a Mhurachaidh, oir feumaidh sinn dealachadh an diugh. Ach thig gu h-aithghearr a dh-ionnsuidh a’ Ghoirtein-Fhraoich, agus bheir sinn, [TD 106] bho mhoch gu dubh, air gach cùis a thig an uachdar ar cùimhne. ’S eadh, agus bheir Seònaid an deagh-aire nach bi dìth no deireas air a fìor charaid Murachadh Bàn. Mile beannachd leat. ALASDAIR RUADH. AN T-ÆNEID Eadar theangaichte o’n Laidin aig Virgil LE D. B. B. DUAN VI. Æneas agus Sibyl aig geatachan ionad comhnaidh nam marbh far an d’ fheuch Sibyl dha peanas nan aingidh agus sòlas nam firean. “Hic locus est, partes ubi se via, &c.” An so tha ’n rod a’ roinn ’n a dhithis; An deas ’s i ’n t-slighe gu Pluto, Air a’ cheum sin siubhlaidh sinne: Air a’ chli tha ifrinn uldaidh. An sin sheall Æneas le cabhaig, Us thall fo charraig air a chli Chunnaic e daingneach mhor leathann Cuairticht’ le balla tri-fillt’; Phlegeton nan Sruthan bras Le tuiltibh lasrach ruith m’a cuairt, A’ sguabadh roimpe chreag us chlach, ’S gu dearbh b’fhad as a chluinnt’ am fuaim. Geata mor thall mu choinnimh, ’S a’ phuist a dh-adamant laidir Nach briseadh neart a’ chinne-dhaonna, ’S cha chuir dia fa sgaoil gu brath e, Tùr ro dhaingean de ’n iarrunn Gus na h-iarmailtibh ag éirigh; Us Diolmhort* comhduicht’ ’n a suidhe. Le cleoca fuileachdach déisneach A’ gleidheadh an doruis gu faireil A dh-oidhche ’s a latha gun chlos. Cluinnear an sin osnaich thruagh Cluinnear fuaim nam buillean goirt; Cluinnear an sin sgreadail iarruinn, Slabhraidhean piantail ’gan tarruing. Sheas Æneas le mor uamhunn Lan eagail ’n uair chual e ’m farum: Ciod an t-olc tha ’n sud a chomhnuisdh? Innis domh, òigh, a bhan-fhàidh, Ciod am peanas? ciod an truaighe? Ciod an t-sianail chruaidh gun tamh? ’N sin thoisich a’ bhan-fhaidh air seanchas, A cheannaird ainmeil nan Troidheach, Cha’n fhaod neach sam bith gun pheacadh Seasamh air stairsnich na Doruinn; Ach ’n uair chuir Hecate mi riaghladh Thar doireachan riabhach An-eunaich,† *Tisiphone. †Aornos avernus. Theagaisg i dhomh peanais nan diathan ’S chuir i ’n ordugh sios gu leir iad, Tha Rhadamantus Cretach cruaidh ’N a bhreitheamh anns an rioghachd thruaigh A’ rannsachadh a mach gach foill ’S a’ smachdachadh gach neach mar thoill. Gach aon diubh tha e co-eigneach’ Chum nach seunadh iad an dobheart Chuir iad an gniomh air an t-saoghal, ’S a cheil iad gu faoin le sòlas, Aithreachas chuir uatha le dàil, Us rug am bas orra fadheoidh Mun d’ rinn iad reite air son gach foille Gach olc us coire rinneadh leo. Cho luath ’s a gheibh iad am binn Tha Diolmhort mhin le còrd. ’G an crathadh ’s ’g an togail suas ’S a’ gairm gu luath chum a còmhnaidh Buidheann mhor dhe seorsa fein, ’S a chòin! gur deisneach am por iad. An sin fa dheireadh dh’ fhosgladh suas Na geatan malluicht’ uamhraidh dubh Air spannaibh oillt-fhuaimeach a’ sgreuchail. Am faic thu, Æneais, an cruth A ta ’n ’a shuidhe stigh ’s an sgath-thigh A’ gleidheadh doruis, gabhaidh, fiadhaich? Hudra mhor oillteil, bheucach, Le caogad beul dubh tric a’ miannaich, An sin dh’ fhosgail Tartarus gun tuar Righeachd uamhaidh dhubh nan tannasg Us shin i mach ’s an doimhne mhòir Da fhad us corr nan speur o’n talamh, An so tha tamh seann sliochd an Talmhainn Na Titanaich og chalma chruaidh, Curaidhean bras treun ro laidir Is stric a chuir air cach an ruaig, Iad air an tilgeadh sios le torrunn ’S a’ cur char dhiubh feadh na doimhne. An so fos chunnaic mi na h-athaich Dithis mhac alluidh Aloiuis, A thug oidhirp le lamhan mi-naomha Air neamh a sgaoileadh o cheile ’S a dh’ fheuch ri Iupiter an t-Ardrigh Thilgeadh nuas o aird nan speuran. Chunnaic mi Salmon mac Æoluis ’S bu mhor a dhoruinn ’s a thruaighe Chionn e bhi ’g aithris air Iòbha, Nuair bhitheas ’s na neoil ri fuaim. Thairngeadh le ceithir eachaibh treuna, ’S e crathadh leusan ’n a lamhan, Gu buadhach ruith thar Sluagh na Gréige Us Baile Elis ’s an robh thamh aig, Ag iarraidh dha fein urraim dhiathan; Le cuthach lionadh e ’s an am sin! Nuair chaidh e dh’ aithris air na Siantaibh ’S air beithir mhìorbhuilich gun samhladh, Le eachaibh crodhanach ro mheamnach, An duil gun saoileadh muinntir Elis Gur ann ’s na speuran a bha ’n stararaich. Ach thilg an t-Athair uile-threun A neulaibh dlu an aird’ nan speur Beithir laidir, bheucach, raoiceach [TD 107] (’S cha bu leusan teine boillsgeadh) ’S le h-iomghaoith chruaidh laidir theintidh Dh’ iomain e e sios do’n doimhne, Fos chitheadh tu an sin Tituon calma Dalt na Talmhainn rug na h-uile, Sint’ air naoi acairibh còmhnard ’S a chorp ’g an comhdachadh gu buileach; A’s fang ro mhor le chrom-ghob Iùbte Ag itheadh ghrùdhain chaoidh nach teirig, ’S a’ caitheamh a’ mhionaich ’n a chom Tha torach trom us ban le pheanas, ’S a’ rùrach a ghoile air son bìdh, Us e ’n ’a bhroilleach shios a’ tamhachd, Cha ’n ’eil fois a chaoidh aig innigh, Cha luaithe dh’ ithear iad na dh’ fhàsas, Ciod uime luaidhinn na Lapitich Piritous mìn us Ixion calma, A tha fo gheilt-chrith us fo uamhas Gun tig a nuas a’ charraig ailbhinn? Puist ro shoilleur de’n òr ghlan Fo leapaichibh posd’ a’ dealradh, ’S nan lathair cuilmean ro shoghmhor ’G an cur an ordugh mar b’ àbhaist: Diolmhort mhor mu’n coinnimh ’N a suidhe ’s i ’g amharc gu geur orr’, Gu’n cumail air ais gu h-ealamh Ma tharlas gu’m bean do’n fheisd ud; Ma ’s e ’s gu’n tig iad ’n a caraibh Eiridh i le gradachd suas, Us togaidh i ’n aird’ a leus Us le guth beucach ni i fuaim. An so tha ’n dream thug fuath d’am bràthair Am feadh ’s a bha iad os ceann talmhainn; Gach neach a bhuail athair no mathair, ’S an dream a mheall air càch bha ’g earbs’ annt’; No an dream a bha a’ gur ’n an aonar Air a’ mhaoin chuir iad ri cheile, ’S nach tugadh d’ an cairdibh ged dh’iarradh, ’S buidheann lionmhor gun bhreig iad, Gach adhaltranach chaidh a mharbhadh, ’S gach neach bha leantuinn arm gu h-aingidh, ’S air nach robh geiltchrith romh ’n choire Bha ’m buntuinn gu foilleil ri ’m maighstribh, Tha iad uile druidte am priosan Feitheamh am binn theachd a mach, Ach na h-iarr-sa bhi fàs eòlach Air an doruinn gheibh gach neach; No ciod an cruth ’s an tig an truaighe, No an cor ’s am buanaich iad gu bràth, Bidh cuid diubh tionndadh chlachan mora, Sud an doruinn feadh gach àil. Bidh cuid eile dhiubh am pein Ceangailt, crocht’, ri speicibh roth, ’N a shuidhe an sin tha Teseus truagh, Us suidhidh gu la luain fo sprochd; Us Phleduas is truaighe na càch, Toirt earail laidir air gach aon ’S a’ deanamh fianuis le guth ard Air feadh nan tannasg fasail faoin; Ag eigheach “Gabhaibh rabhadh trath ’S na deanaibh tair am feasd air dia, Ceartas foghlumaibh gu moch Mu’n druid an sloc so oirbh gu sior,” So fear a reic a thir air òr ’S a’ chuir fear-foirneirt thairt’ gu truagh; A dhaingnich laghannan do dhaoinibh, ’S a rithist sgaoil iad air son duais, Sud fear a thug d’a nighinn gaol ’S a ghabh mar mhnaoi i ’n aghaidh aithne; Fhuair gach neach na bha e ’g iarraidh ’S iad uile ’g iarraidh ni ro ghràineil. Ach ged robh agams’ mile beul Us mile teanga gheur gu còmhradh, Mile guth laidir iaruinn, ’S ge b’ fhili mi chur bhriathra ’n òrdugh; Cha b’urrainn mi na h-uile cruth, ’S an d’rinn iad uile, a chur an ceill, Cha mho b’ urrainn mi ruith thairis Air am peanasaibh gu leir. MIREAN A MAILEID FIR-LAGHA. DANIEL AIR CATHAIR-BHREATHANAIS FHRANGAICH. CHAIDH cùis a shuidheachadh bho chionn ghoirid ’s an Fhraing, air an t-seòl so. Thug fear ris an abair sinn Seumas, fear eile do ’n goir sinn Maoldònaich, ’n a chùirt air son deich buinn òir a thug e dha an iasad. Thug e mar fhianuis litir-ghealltainn Mhaoildònaich, anns na gheall e an t-airgiod a phàigheadh air ais “air la Fhéill Fhortunatuis” (Naomh nach cualas ’ainm riamh roimhe so). Fhreagair Maoldònaich, “Tha mi toileach an t-airgiod a phàigheadh, ’s cha do dhiùlt mi riamh a phaigheadh, an uair a thig an là ainmichte. Ach tha e mar fhiachaibh air an fhear-leanmhuinn (Seumas) a nochdadh gu ’n d’ thàinig an t-àm.” Is e so am breathanas a thug an Daniel Frangach anns a’ chuis:— “Do bhrigh gu ’m bheil am fear-dìona (Maoldònaich) ag aideachadh a laimhsgrìobhaidh fhéin anns an litir-ghealltainn mu ’m bheil a’ cheist; agus do bhrigh gu bheil e ’diùltadh an t-airgiod a phàigheadh, [TD 108] a thaobh nach d’ thainig là Fhéill Fhortunatuis fhathast; agus do bhrigh gu ’n do rannsaich sinn na féillirean uile air son ainm Naoimh Fhortunatuis gun fhaotuinn; agus do bhrigh nach buin dhuinne ’shuidheachadh co dhiu is e Naomh Fortunatus no nach e, ach gu’m bheil e air aideachadh mar Naomh fo laimh an fhir-dhìona: do brigh, os bàrr, gur h-e La Samhna la Fheill-nan-uile-Naomh, agus gu h-àraid nan naomh nach ’eil ainmichte ’s an fhéillire, agus uime sin gur fheudar an là sin a ghabhail mar là Fhéill Fhortunatuis, ainmichte mar Naomh anns an litir-ghealtainn; air an aobhar sin tha e air orduchadh, gu ’m pàigh am fear-dìona dh’ an fhear-leanmhuinn deich buinn òir, le riadh, air la Samhna so tighinn, maille ri costus na cùise.” AN FHIRINN UILE, AGUS GUN NI ACH AN FHIRINN. Ann an cùis eadar maighistir agus fear-muinntir, chaidh an gille mhionnachadh mar fhianuis, is dh’fhoighneachd am fear-tagraidh dheth, cia mar a bha ’n seanchus eadar e fhein ’s a mhaighistir. “Thubhairt e rium, an cead dhuibh fhein,” ars an gille, “gu ’m bu mhi an slaightear salach, ’s gu ’n robh mi ’goid na dibhe.” ’S eadh, agus ’d e thubhairt thusa? “Thubhairt mi ris, an cead dhuibh fhein, gu robh e cho breugach ris a’ chu”. Ars am breitheamh gu cudthromach, “Bha do chainnt gle neo-iomchuidh, fhir òig.” “Cha ’n ’eil comas agams’ air sin,” ars’ an gille. “Thainig mi ’n so a dh’ innseadh na firinne, ’s tha i agaibh a nis!” SEAN MHIONN NAM BREITHEAMH MANAINNEACH. Tha mis’ a’ mionnachadh air an leabhar so, agus gach ni naomh a ta ann, agus air na h-oibre iongantach a rinn Dia gu mìorbhuileach anns na nèamhan shuas agus air an talamh a bhos, ann an sé laithibh agus oidhche, gu’n coimhlion mi, gun eiseamail do spéis no do chàirdeas, do ghràdh no do bhuannachd, do dhàimh no do chleamhnas, do dh-fharmad no do mhirùin, laghan an Eilein so gu ceart, eadar ar n-ard-uachdaran an Righ agus ’ìochdarain anns an Eilein so, agus eadar dream agus dream, cho cothromach ’s a tha cnaimh-droma ’n sgadain a luidhe an teis-meadhoin an éisg. ALASDAIR A HUSABOST. MORAIR SIM. Till dachaidh, tiugain dachaidh, Till dachaidh, Mhorair Sìm; Till dachaidh, tiugain dachaidh, Till dachaidh, Mhorair Sìm. Thàinig litrichean bho ’n chòirneal, ’S thàinig òrdugh mach bho ’n righ, Gu’n robh nighean aig Righ Deòrsa, Dol a phòsadh Mhorair Sìm. Till dachaidh, &c. Cha ’n eil pìobaire no drumair, ’N Cille-Chuimein aig an righ; No fear cota-dheirg ’s a’ chaisteal, Nach bi mach an coinnimh Shìm Till dachaidh, &c. Frisealaich, an cinneadh ainmeil, Theid iad ’shealg do Chill-Fhinn; ’S ged nach marbhadh iad ach gearr, Gu’m faidheadh pàirt d’i Morair Sìm. Till dachaidh, &c. AM FEAR AIG AN ROBH CAINNT NAM BEOTHAICHEAN. BHA tuathanach ann roimhe so aig an robh cainnt nam beothaichean. Bha cuing no dhà de dhaimh aige, agus asal. Bhiodh na daimh a h-uile là a mach ag ar, ach cha bhiodh an asal ri car oibre ach ’g a cluith fhein. Feasgar a bha ’n sin [TD 109] thainig na daimh a stigh ’s iad ro sgith an deaghaidh moran glasaich a thionndadh, ’s thuirt fear dhiubh ris an asail gur h-ann aice bha ’n saoghal math dh’ e seach acasan: iadsan ’g am pianadh gach lath a bho mhoch gu dubh, ’s ise gun char aice ’g a dhianamh ach ’g a biathadh air stall leis gach ni a b’ fhearr na chéile. “Ro cheart,” ars’ an asal, “ach ma ghabhas tusa mo chomhairle-sa, bidh an saoghal ciadna agad fhein.” Thuirt an damh còir gu ’n gabhadh ’s gu ’m biodh e ro thaingeil air son a faighinn. “Gabh thusa ort a bhi gu tinn,” ars’ an asal, “’s na ich ni, ciod sa bith a chuirear air do bhialaobh, agus chi thu an cùram a ghabhar dhiat.” Bha an tuathanach ag ’eisdeachd riutha, ach cha robh a chridhe aige innse do dh-urra sa bith—na ’n innseadh e smid de na chual e chailleadh e eòlas nan cànan. Chaidh e dhachaidh ’s cha do ghabh e guth air. Cha b’ fhada bha e stigh an uair a thainig fios-cabhaig a mach air—gu ’n robh fear de na daimh gu tinn. Chuir an sgalag làn na prasaich de na h-uile ni a b’ fhearr na cheile air bialaobh an daimh, ’s chuir e leaba mhath fhodair fotha, agus dh’ fhàg e an oidhche sin e. Anns a’ mhadainn dh’ iarr an tuathanach orra an asal a chur ’s an éill an àite an daimh, agus an aire thoirt nach caomhnadh iad i. Rinn iad so. Mu ’n mheadhon-latha bha ’n asal an imbis géilleadh, ach an àite a toirt as a’ chrann, is ann a chaidh fear a’s gad seilich aige g’ a greasad, gus ma dheireadh an ann air an amall aice a bha an tarrainn uile. An uair a sguir iad mu fheasgar, chaidh an tuathanach do ’n stàball dh’ fhiach ciod an naidheachd a bhiodh aig an asail. Thòisich an cnacas. “Is mise nach robh a’ tuigsinn ur cor-se roimhe so,” ars’ an asal, “cha ’n urrainn domh mir bìdh a ghabhail an nochd leis an sgìos. Bha m’ fhallus ’g am dhalladh fad an latha, ’s an uair a theannainn ri stad, is ann a gheabhainn stràc-bàis de ghad seilich. Thaitinn e gasda ris an tuathanach mar a rinn iad air an asail, agus mu’n d’ thàinig an cnacas gu ceann, dh’ fhalbh e dhachaidh. Aig a shupeir cha b’ urrainn da cumail air fhein leis a’ ghàireachdaich, ’s e cuimhneachadh mar a dh’ éirich do ’n asail. Cho robh fhios aig a mhnaoi ciod a bh’ air aire, cha b’ urrainn d’ i ceann-fàth a chridhealais a dhianamh a mach, agus rud nach robh mi-nàdurra dh’i, cha robh i idir toilichte. Dh’ fharraid a’s dh’ fharraid i dh’ e e, ach cha ’n innseadh e guth dh’ i. Is e bh’ ann gu’n d’ fhàs i gu tinn, trom, teth, ’s thugar an leaba oirre—shaoileadh coigreach nach beireadh an uair oirre! Mu ’n àm so bha coileach òtraich a’ spaidseireachd aig an dorus agus dà chirc dhiag aige. Rinn te de na cearcan car air choirigin nach do chòrd ris a’ choileach, ’s ghabh e oirre gu math ’s gu ro mhath, ’s rinn e an sin trì glaoidh mhòra. Co bh’ aig an dorus aig a’ cheart àm ach cù ’s rinn e dunnal mòr. Bha an tuathanach ag cluinntinn so, agus ’g a thuigsinn. Ciod a bha ’n cù ach a’ trod ris a’ choileach a chionn a bhi ri leithid de dh-fhuaim ’s bean-an-tighe ris a’ bhàs. Bha an coileach ag radh ris a’ chù gu’n robh dà mhnaoi dhiag aige, ’s nach robh a chridhe aig te dhiubh urad ’s gog a dhianamh ’n a aghaidh. “Am faca tu mar a rinn mi air an te ud a chionn nach dianadh i mar a dh’ iarr mi,” ars’ esan, na ’n dianadh fear-an-tighe mar sid air a mhnaoi, cha bhiodh ni oirre—am beil oirre ach an droch nàdur! Thuig an tuathanach gur h-e na dùisealan a bha cur air a mhnaoi, a [TD 110] bhuidheachas sin do dh-eolas nan cainntean, agus mar a dhianadh duine glic ’s a’ chàs, leig e leatha gus an d’ thug a sròn comhairle oirre, ’s bha i riabh tuille ’n a mnaoi mhath. GLASRACH. TALLA MO CHEANNAIRD. LE MRS. HEMANS. THA Talla mo cheannaird fo dhubh-neul a nochd; Chuir an uaigh ás a sholus, ’s tha m’ inntinn fo sprochd: Dhubh an t-soillse bha òirdhearc, tha ’n lòchran gun stàth, ’S o ’n chagailte mhòir cha tig sòlas gu bràth. Air Talla mo cheannaird laidh tosdachd bhith-bhuan; Cha chluinnear gu bràth ann fonn clàrsaich, no duan! O, ionaid ro chianail, gu sìorruidh bi balbh, ’S na duisgear mac-talla na caithreim a dh’ fhalbh! Tha Talla mo cheannaird lóm, falamh, gun rath,— Gun chuirm, a’s gun aoidhean, gun chas-cheum nam flath; Tha ’n fhialachd air ’fhàgail.—O! c’ ait ’eil na suinn? Cinnidh luachair, gun dàil, far am b’ àbh’st daibh bhi cruinn. Air Talla mo cheannaird cha ’n ait leam bhi ’luaidh; Tha ’n tréun bha mar ghréin da ’n a shìneadh ’s an uaigh: Tha mi ’gal, ach cha mhair an tròm acain ’tha ’m chliabh; Cha bhi ’n ùine ach geàrr gus an tàr mi gu m’ thriath! Eadar. le MAC-MHARCUIS. TORRADH SAIGHDEIR. CHA di-chuimhnich iadsan a chunnaic tòrradh Shir Sheumais H. Grannd an Duneideann an sealladh air chabhaig. Cha ’n ’eil sluagh Bhreatuinn air an toirt suas do sheallaidhean greadhnach, mar tha mhor chuid de shluagh na Roinn-Eorpa, agus is coma ged nach ’eil; ach tha meas mor againn air ar n-Armailt, agus tha gach ni a bhuineas d’ ar Saighdearan luachmhor ’n ar suilean. Agus cha ’n ann gach là a bhitheas aobhar air a leithid de ghreadhnachas ’s a bha ri fhaicinn aig tòrradh a Ghranndaich. Bha ’n duine e fein de theaghlach urramach, an dlu-chairdeas ri Tighearna Ghrannd, an Ceann-cinnidh; agus bha ’mheur de’n teaghlach d’ am buineadh e a chomhnuidh laimh ris a’ bhaile. Bu shaighdeir e a choisinn mor chliu dh’a fein, do’n fhine “thartaraich” d’am buineadh e, ’s do’n arm Bhreatunnach, air iomadh laraich fhuiltich an duthchannaibh cein, gu h-araid ’s na Innsibh-an-Ear ’s an China iomallaich. Agus thugadh a nis a’ chorp do Dhuneideann gu bhi air adhlac am measg a dhaoine, ann an leaba a thagh e fein, an uair mu dheireadh a bha e ’s a’ bhaile. Their luchd-turuis nach ’eil Baile ’s an Roinn-Eorpa anns am faighear [TD 111] sealladh air mor-chruinneachadh sluaigh cho math ’s a gheibhear an Duneideann. ’S ann gun teagamh do bhrigh so a tha e, nach ’eil baile am Breatunn anns an tig an sluagh a mach, a rèir an aireimh, a dh’ fhaicinn seallaidh, cho lionmhor ’s a thig iad ’s a’ bhaile so. Is oirdhearc an sealladh ri fhaicinn am baile air a sgeadachadh ’s an là, no air a lasadh ’s an oidhche, an uair a bhitheas an Rioghachd ri gairdeachas; ach cha ’n ’eil teagamh nach ’eil “Ard-bhaile ciar na h-Airde-Tuath” na’s druightiche an uair tha e sgeadaichte an culaidh bhroin. Agus cha b’urrainnear eadhon ’s an “Ard-bhaile chiar” latha bu fhreagarraiche fhaotainn airson broin na latha torraidh Shir Sheumais Grannd. Latha fuar, amhuidh, dorcha, gun ghrian ri fhaicinn, a nis ’s a ris fras de fhliuch-shneachd,—latha ’bheireadh sealladh duaichnidh do bhaile air thalamh, ’s air nach b’ urrainn a neach a bu shunndaiche sealltainn aoibheil. Rinneadh ullachadh mor airson gach urram a chur, ’n a bhas, air an Laoch threun, a chuir urram cho mor air a Dhuthaich ’n a bheatha. Bha mu dhà mhile a dh’ astar eadar an t-aite ’s an do thogadh an giulan ’s an uaigh; agus bha miltean ’us deich miltean de gach aois ’us inbhe ri ’m faicinn a’ cuairteach na slighe air gach taobh. Bho Shraid a’ Phrionnsa bha ’n sealladh greadhnach agus druighteach thar tomhais. Bha na buithean duinte. Chiteadh bratach leth-shinte ri crann an sud ’s an so, a’ snamh gu trom ’s a’ ghaoith. Bha gach dorus, ’s gach uinneag, ’us barra-bhalla de’n t-sraid aluinn sin air an lionadh le daoine. Bho cheann gu ceann ’s bho thaobh gu taobh, bha ’n t-sraid leathann comhdaichte le sluagh, a bha dluthachadh ri cheile a dh’ fhosgladh slighe chnmhann do na marcaichean a ghabh an ceum toisich a chum an rathad a rèiteach. ’N an deigh-san bha corr ’us mile saighdeir,—coisichean, marcaichean, ’us gunnacha-mora,—a’ gluasad mothar, mall, ri fonn thiamhaidh an luchd-ciuil, le’n airm tiunndaidhte a’ leigeadh ris gu’n robh iad an diugh a’ dol an coinneamh Namhaid air nach buadhaicheadh geiread sleagha no faobhar claidheimh. Thainig an sin an Giulan air carbad a bh’air a tharruing le seisear each;—air thoiseach, buidheann de Reisimeid an t-Seanalair fein; air gach taobh dheth, seana chompanaich a sheas r’a ghualainn an iomadh cruadal ’s nach do threig an diugh e; ’n a dheigh, am laimh gille, an t-each odhar, meamnach, a bu tric a ghiulain an Triath g’a chliu, ach “Ged chuir iad srian ’us diollaid air, Cha robh a’ Marcaiche ’n a glaic.” Bha Bratach Bhreatuinn a’ comhdach na ciste, ’s air a h-uachdar bha ri fhaicinn “an claidheamh gun bheairt,” an àd, ’us suaicheantas gach urram a choisinn an Saighdeir treun an iomadh blar. As deigh a ghiulain thainig a Bhantrach ’s a luchd-coimheadachd, ’n an carbadan; dlu-chairdean; Baillidhean ’us Comhairlichean a’ Bhaile, ’n an eideadh loinneireach; Uaislean ’us Mor-uaislean,—air chois, ’s ’n an carbadan,—le ’m bu durachd an urram a’ nochdadh le bhi leantuinn an Uasail urramaich g’a dhachaidh bhuain. Bha gunnachan a’ chaisteil, ’n an canain ghruamaich fein, le ’m bilibh iaruinn a’ cur am beannachd dheireannach leis an deagh Shaighdeir d’ am b’ eigin striochdadh do Namhaid d’ am feum na h-uile geilleadh, aig meud an Neirt no airde ’m Misnich. Bu shealladh so a dhruigheadh air a chridhe bu neo-mhothacheile. Latha dorcha, fuar; na miltean de dhaoine le bron air [TD 112] gach gnuis; ceum mall, trom an fheachd air a’ chabhsair; fuinn thiamhaidh an luchd-ciul; buille mùchte’ an druma; ’us fuaim thorrunnach nan gunnacha-mora;—gach aon a’ cur an ceill ’n a chainnt labhraich fein, gu’n do thuit Duine treun, air am bu toil leis an Rioghachd urram a chur; agus, air an laimh eile, gur e so crioch gach neach aig airde ’Mhorachd; oir “Ciod e spionnadh an laoich? Ged sgaoil e mar dhuilleach an cath, An diugh ge treun air an raon, Bheir an daol am maireach buaidh air.” Is eagalach an ni am Bàs, cia air bith an doigh anns an tachair sinn ris; ach tha mi meas gu bheil sinn ro-bhuailteach gu bhi saoilsinn gu bheil an Righ an-iochdmhor air a rusgadh, ann an tomhas mor, de ’uamhas an uair tha e air tòir an t-Saighdeir. Ann an co-cheangal ri bàs an t-Saighdeir, tha ’n Inntinn ro-dheas gu bhi beachdachadh, le ni-eigin de thoileachas, air Feachd a’ dol an coinneamh an Namhaid le iolach, le toirm gaire-cath, ’s “le cruaidh bhrosnachadh nan Dan;” ’s gu bhi di-chuimhneachadh gu tur “an t-seallaidh as deigh a’ bhlair,”—gach Saighdeir marbh ’us leonta a muigh, ’s gach cridhe briste aig baile. Dhomh fein, bha tòrradh Saighdeir riamh na shealladh druighteach ann an doigh ro-shonruichte thairis air torradh neach eile,—co-dhiu a b’e ’n Saighdear diblidh air a choimheadachd le ’chompanaich do’n Chill a bha ’s an amharc; no’n Seanalair seolta, calma, a thuit ann an trein a Mhorachd, ’s a dh’adhlaiceadh an cabhaig far an do thuit, “Le thrusgan cogaidh mu’n cuairt air;” no co-dhiu a thainig e tearuinte roimh chunnartan ceud faiche, “’s a chriochnaich e chath ’s a rèis” am measg a chairdean, ’s a chaidh a ghiulan le mor-ghreadhnachas “do’n tigh a dh’ orduicheadh do na h-uile bheo,”—ni a b’e crannchur Shir Sheumais Grannd. “Stad, Creag-Eileachaidh!” am measg gach Laoch treun a dh’ araicheadh fo d’ sgail, ’s a choisinn cliu cho buan do d’ ainm air iomadh laraich chruaidh, cha robh aon a b’ airde misneach, a bu bhlaithe cridhe, no bu chothromaiche gluasad, na ’n Saighdear ainmeil a dh’ adhlaiceadh Duneideann air an treas-la-deugan de’n Mhart a dh’ fhalbh. CLIU EOBHAIN. Gach cliù gu cliù Eobhain, Gach dàn gu dàn an Deirg, Gach laoidh gu laoidh an amadain mhóir. Is e so an ceann-fàth mu ’n deachaidh an cliù so a dhianamh: Bha righ beag a chòmhnaidh ann an ionad lethoireach de dh-innis Albann do ’m b’ ainm Eobhan iargalta. Bha e cho allamharra ’s nach robh neach a rachadh a steach air cachladh a lùchairt gun cheann gnothuich de nach grad-chuireadh e an ceann. Nise thachair do dh-fhilidh, no ceann-bhard cinn-chinnidh, agus dh’ a reachaire-guib, dol air bhadharan gu aitreamh Eobhain. Dh’ fhidrich Eobhan d’e, “Creid fàth do ghnothuich, fhalbharaich?” “Thàinig mi le cliù h-ugad,” ars’ am filidh. “Cluinneamaid e,” ars’ Eobhan. Agus chan am bàrd an cliu so fòs. Nise bha Eobhan ’g a chur fhein ’n a arm-dheise a chur catha, agus bha an cliu coltach ri ’ghluasad—ni a thug Eobhan fosnear, agus thuirt e, “Cha chreid mi fhein nach e dàn làrach a th’ agad.” “Cha ’n éudar gu’r h-è,” ars’ am filidh; “mur can mo ghille cho math rium fhein e, fuilgidh mi mo chéusadh.” Nise chan an reachdaire an cliù gu iomal, cho math ri a mharasgal, agus dà [TD 113] fhacal a bharrachd; ni leis ’n a thiorc iad le chéile am beatha. Tha an cliù mar so sìos:— Gach cliù gu cliù Eobhain; Uailse ri anfhainn, Math ri mhuigheadh, Dan dìol-déirceach, Co-oighre Neill òig. Na ’m b’ eudar, Giollachd choignear, ’S iad dàn, meanmnach, Gu tòs tulachd, Le neart cuimhne, Beum conchaire. Mar ni am maor, ’S e nach dianadh, Air bà-chrodh, No buaile ’n t-seann-chruidh. Chuir e air a léineag Chaol eugsamhuil, Air a cur ’n a gleus iall, Aighir éibhneis, ’N a chaol dheise, ’S ’n a dheagh mhaise, ’S ’n a mhuilchean. Chuir e air a lùireach, Ailt iongantach. A cheann-bheairt oluinn Bhuadhach, leitheann, Lochlunnach. Air éideadh thun na crith-mhòintich, An eanghaiste chaol, bhuadhach. Chuir e air uachdar na luirich Sleaghan a’s lannan a’s òrnalas An crios àluinn, òr-loisgte. Chuir e air a bhrògan mine, dubha, Bhuinn iubhair eutrom, Chaol, dhìonach, ùr, Air dheagh chumadh, Buinn iubhair eutrom. Chuir e air uachdar nam bròg Or-spuirean ruinn chruaidh stàillinneach Air an so roth-lionadh Gu dìol tioma ’s taise ’N uair dhìrich e an t-each Deann-mhilleach. ’S bha trì gnàthan tairbh Anns an each: An t-suil cholgach, ’S an aghaidh chas, ’S am muineal reamhar. ’S bha tri gnàthan mnatha Anns an each: Muigh a’s eang a’s sithe farsainn, Bha tri gnàthan giorra Anns an each: Bhi gu bior-chluasach, Lom-chluasach, Og-innealta, seang, suileannach, Mar ghroidh mhiolaich, ’S mar bheithir bheuma. Ite-chille fo gach cois ’S a’ chath-chòmhraig. Gu’r h-e b’ ainm dha: Leid air laidhe, ’s bruadan moidhe, A’s cliù Eobhain. Is sin agad, fhir mo chridhe, “Cliù Eobhain.” Cha’n urrainn domh de dh-innse-sgeòil a thoirt dhut mu ’dhéighinn, ach gu’m beil e fhein, a’s “Dan Oisein do’n ghréin,” sgrìbhte ’s an laimh-sgrìbhidh Eirionnaich, mar a theirear rithe, air ceithir leòid na boise de sheann phaipeir, agus gur h-ann bho Ghall a fhuair mi e, agus sin, an là roimhe. Rinneadh an sgrìbheadh, theirinn, mu fhìor thoiseach na linne so th’ againn. An uair a leugh mi e chuir e ’n cuimhne dhomh mar a bha, uair, eadar Sir Eobhan Lochial agus ban-bhuidseach; agus gun fhios am misde leat sin a chluinntinn, cuiridh mi sìos dhut e, facal air an fhacal, mar a chuala mi e:— Bha Sir Eobhan turus air ghnothuch cabhaig an Ionarnis, agus a’ tilleadh dhachaidh, mar a bha e a’ togail a mach as a’ bhaile, ciod a’ cham-chòdhail a rinn suas ris ach luiriste de bhoirionnach iargalta, fad-chasach—ban-bhuidseach. Cha do chuir iad fàilte air a chéile ann; ach bha ise cumail an aon chéum air an co-imeachd ris. Bu cho math le Eobhan ban-chompanach eile rithe, ’s gun fhios aige co b’ i; ach cha robh a choltas oirre-se gu’n robh a chuideachdas a’ droch-chòrdadh rithe. Ach, ’s na gàmagan a bh’ ann, thugar i truisealachadh oirre fhein ’s thuirt i: “Ceum ann, Eobhain!” Nise, an luib na bròig-airgid a fhuair Sir Eobhan ’s an taghairm, fhuair e buaidh air cruaidh, air luaidhe, ’s air buidseachd, ’s cha robh sin gun fhios da, agus thuirt e ris a’ chaillich ’s e toirt tàrr-leum as: “Ceum air do cheum, a chailleach, ’S an ceum barrachd aig Eobhan.” [TD 114] Cha robh an còrr bruidhne eatarra ’s an àm; ach chum iad na h-aon sìnteagan air gus an d’ ràinig iad caolas Mhic-Phadruic—’s cha b’ iongantach iad a bhi sgith. Dh’ éibh Eobhan an t-aiseag ’s thàinig am bàta; ach cha leigeadh na gillean a stigh a’ chailleach. An uair a thuig i nach fhaigheadh i an t-aiseag, thuirt i, ’s i gabhail a cead de dh-Eobhan: “Dùrachd mo chridhe dhut, a ghaoil Eobhain.” Bha Eobhan air fhaicill, ’s fhreagair e,” Dùrachd do chridhe do ’n chloich ghlais ud thall,” agus, a mhic chridhe, bha deagh-thuiteamas seanchais air—sgoilt a’ chlach ’na dà bhloigh! ABRACH. LITIR A AMERICA. NUADH ALBAINN, 12th Feb. 1875. A GHAIDHIL RUNAICH,—Tha mi creidsinn gu ’n toir e mor thoil-inntinn do na seann chàirdean facal a chlunntinn mu chor nan Gàidheal ann an Nuadh Albainn air a’ bhliadhna so. Bha foghar torach, tarbhach ann an uiridh air chor ’s gu ’m beil na ’s leòir de ghnothuichean matha, pailteas bìdh a’s dibhe, do dhuine ’s do dh-ainbhith, ri fhaotainn gun ghainne air feadh na tìre. Bha tràithean fàbhorach agus side thioram sheasgair ann, Deireadh an fhoghair, agus Toiseach a’ gheamhraidh. Cha ’n fhacas a’ bheag sa bith de ’n aimsir fhluich, fhunntainnich, a b’abhaist a bhi ann mu ’n tràth sin de ’n bhliadhna. Uime sin bha na rathaidean mora na bu tiorma na bu ghnàth leo bhi, agus na b’ fhasa ri shiubhal. Mu ’n dara là deug de ’n Dùdlachd, thòisich an t-side air caochladh, agus air dol am fuairead. Thàinig stoirm shneachda oidhche Diluain (an 14 la); agus a rithist La Nolluig thainig an sneachda na bu truime. Ach feasgar Dimàirt (an 29 la) mu cheithir uairean an deigh thràth-noine, thainig osag gu h-obunn bho thuath a bhuail a’ choille mar pheileir á beul gunna-mhóir, agus a thug oirre fuaim mhor a dheanamh mar thàirneineach nan speur, an uair a fhreagras mac-talla nan creag do ’n starraraich agus do ’n ghleadhraich a bhios anns na neòil. Thòisich an sin an àirde tuath air taomadh a feachd neo-bhàigheil a stigh air an tir, agus gu firinneach b’i sin an armailt gun tlus, gun bhàigh, gun tròcair ri duine no ri ainbhith. Tha an armailt so fo riaghladh agus fo smachd ard-cheannaird chruaidh do ’n ainm Mac-’ic-Reòta no Iain Glas Mac-Gille-reòta fear a lion an dùthaich de shaighdearan sgeadaichte an trusgain gheala, agus a ghlais suas gach sruthan a’s allt a’s amhainn fo leacan liath-ghorm, air chor ’s gu’r gann a gheobh creatair beò deoch uisge ri òl. Bha an dà latha mu dheireadh de ’n bliadhna agus là na Bliadhn’-ùire anbarrach fuar, agus an deigh sin thàinig stoirmean móra sneachda. Lean an reothadh air dol an cruaidhead, agus an sneachda air dol am meud, gus am beil fuachd a’s gailionn ann nach facas a leithid ’s an dùthaich bho chionn dheich bliadhna fichead. Ach ged a tha ’n aimsir cho fuar stoirmeil, cha ’n ’eil i cur grabaidh air luchd-tomhais an rathaid-iarainn eadar Glaschu-Nobha agus Caolas Channso aig Eilein Cheap Breatunn. Tha an luchd-tomhais so a mach a h-uile latha a’ suidheachadh cùrsa an rathaid: oir tha e air a shònruchadh gu ’m biodh rathad-iarrainn eadar Glaschu-Nobha agus Ceap Breatunn mar a tha air feadh na dùthcha an àiteachan eile. Bidh an rathad so feumail do Cheann Near Albainn Nobha, gu sònraichte do [TD 115] na h-àiteachan ris an abrar Pictou, Antigonish, agus Ceap Breatunn. Agus an uair a chriochnaichear an rathad-iarrainn eadar na Mòrroinnean uachdrach agus iochdrach, faodaidh neach siubhal bho Chaolas Channso, gu cearna sa bith de Chanada gus an togair e dol, agus sin gun atharrachadh air carbad, cho socrach, soimeach ’s ged a bhiodh e an lùchuirt na Banrigh am Baile-Mhoraire. Faodaidh na càirdean anns a’ Ghàidhealtachd a thuigsinn mar so gu ’m beil soirbheachadh aig na Gàidhil ann an America, agus gu ’n dean iad aoibhneas ma thig cuid de ’m bràithrean g’ am faicinn, ’s a ghabhail còmhnaidh ’n am measg. Tha pailteas de dh-àiteachan falamh ann air an son ma thig iad; agus tha tighean-aoraidh agus tighean-sgoile goireasach anns gach cèarna de ’n dùthaich. Ann am Pictou saoilidh neach gu ’r h-ann an siorrachd Rois, no Ionar Nis no Chataobh a tha e leis na choinnicheas ris de na Gàidhil agus de ’n Ghàilig. “An là chì ’s nach fhaic.” GAIDHEAL ANNS NA COILLTIBH. SEANN ORAN. Gur mis’ tha fo mhulad Air ’n tulaich so shuas, Nach faicear am chòir thu La Dònaich no Luain. Ged theid mi do ’n leabaidh: Cha chaidil mi uair, A’ smaointean mo leannain ’S e fad air dol bhuam. Fear ciabhaige glaise Cha d’ thug mi dha spéis; ’S e mo run an t-òg gasda, Chaidh seachad an dé. Mo chridh’ air a bhristeadh— ’S e bruidhinn gach té; Tha mo dhòchas ’n uair thig thu, Gu’m bi mi ’s tu réidh. Gu’m faca mi ’n dé thu, ’S bu luaineach do chéum, Chaidh tu orm seachad, ’S cha d’ fharraid mo sgéul Ach, marbhaisg air an t-saoghal, Gur caochlaideach è; Mu’n taice so ’n uiridh, Gheabhainn d’ fhuran romh chéud. ESAN A’ FREAGAIRT. An t-soiridh, an t-soiridh, Thoir an t-soiridh so bhuam, A null thair an loch, Far bheil osnaich a’ chuain. Far an d’ fhàg mi mo leannan, Caol mhala gun ghruaim. Gur cùbhraidh’ leam d’ anail Na ’n caineal ’g a bhuain. A chuachag an fhàsaich, Gur h-àill’ thu na’n driùchd. ’S e miann gach gill òig A bhi ’n còmhnaidh riut dlùth. Tha mis’ ann an dòchas Gur h-òigh thu gun smùr. Mo bhriathran ’s mo bhòidean Nach pòs mi ach thù. Tha thu bòidheach gun mheang, Tha thu baindidh gun ghruaim, Tha thu sìbhealta ’d chainnt, Neothar-thaing, tha thu suairc: Cha’n ’eil cron ort ri àireamh An làthair an t-sluaigh,— ’S ma tha thu gann de stòras Tha ’n còrr annad dh’ uaisl’. Am meadhon na mara, ’N uair bhios mi leam fhein, Bidh do ghaol ga mo mhealladh, ’S ’g am bheothachadh suas. Cha teid mi air àicheadh An làthair an t-sluaigh, Nach tu ’n t-aon is fhearr leam A dh’ fhàs oirre gruag. NA TRI COIN UAINE AIR LOMHAINN. Bha righ ann roimhe so, ’s bha e pòsta dà uair. Bha mac a’s nighean aige ris a’ chiad mhnaoi; ach cha robh gin aige ris an te mu dheireadh, ’s bha i, mar is minic le a leithid, anbarrach dona do na daltaichean. Bha i cumail a’ ghille buachailleachd a’ chruidh; ’s cha ’n fhaodadh e tighinn an caraibh an tighe, ach moch a’s anmoch, ’s cha robh an [TD 116] òrduchadh dha uair sa bith ach leth a leòir de bhiadh. Bha an nighean ’n a ban-chòcaire, ’s cha ’n fhaodadh i, là no dh’ oidhche, dol a mach as an tigh-fhuine; ’s cha mhò na sin a dh’ fhaodadh i blasad air ni sa bith ach mar a shìneadh a muime dh’ i; air chor’s gu’n robh i fhein ’s a bràthair an coinnimh dol bàs leis an acras. Ach air latha de na làithean, thuit dhaibh tachairt air a chéile, agus thuirt esan ri phiuthair nach robh a bhi beò aige leis an acras; agus gur beachd a bh’ aige falbh ’s an saoghal a shiubhal, agus e fhein a bheathachadh mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh e. “Ma tha thusa air do dhroch dhìol le cion a’ bhìdh, cha ’n e mo chàramh-sa is fhearr dad idir,” ars’ a phiuthar ’s i ’g innseadh dìol a muime oirre. “Agus,” ars’ ise, “ma ’s falbh dhutsa e, bidh an t-aon fhalbh againn.” Is e bh’ ann gu’n d’ rinn iad an àirde ri chéile gu’m b’ e falbh a b’ fhearr dhaibh, agus ’s e falbh a rinn iad. Thog iad orra a ghleidheadh an fhortain, ’s thug esan leis tri mairt mhaol, odhar, a bh’ aig an righ. Shiubhail iad cian fhada ’s cuan fhada, ’s mu dheireadh thainig iad air coillidh mhoir gun cheann, gun chrich. Chaidh iad a stigh ’s ’a choillidh leis a’ chrodh, ’s bha iad ag cumail rompa riabh gus an d’ thàinig iad air innis de thulaich ghuirm, ’s leig iad an anail. Thaitinn an tulman gorm so air cùl gaoithe ’s ri aodunn gréine, riutha gu math; agus ’s e bh’ ann gu’n do thog esan sgùid de bhothan, ’s chuir iad suas ann. Bha an innis so tiorail, ònrachdach, ’s cha robh duine no beothach ag cur dragh orra, air chor’s gu’n robh iad gu sàmhach, soimeach; agus na’n dianadh pailteas bliochd a’s bainne e, bha iad cho math ’s a bha’n latha cho fada—esan fad an latha a’ buachailleachd a’ chruidh, ’s bhiodh am pailteas bìdh a’s dibhe aicese air a chionn an uair a thigeadh e dhachaidh; ’s bha iad, mar bu dual ’s mar bu dligheach do phiuthair ’s do bhràthair, ag còrdadh gu fior-ghasda. Bha esan là bha ’n sin mar a b’ àbhaist air falbh leis a’ chrodh, agus co a thainig an rathad ach fear agus tri mìol-choin uaine air lomhainn aige. Thaitinn na coin gu gasda ris; ’s ma thaitinn, thaitinn an crodh ri fear nan con. Mu dheireadh thuirt e ris ciod a ghabhadh e air fear de na coin. Thuirt e gu’n gabhadh te de ’n chrodh mhaol, odhar; agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ rinn iad malairt. Chaidh e an latha sin dhachaidh le dà mhart mhaol, odhar, ’s le cù uaine air lomhainn. Ghabh a phiuthar deargan dearg a’ chaothaich ris air son dealachadh ris a’ mhart; ’s chuir i laidhe e an oidhche sin gun a shuipier. Cha robh comas air; ach an lath air n-ath-mhàireach dh’ fhalbh e fhein ’s a chù leis an dà mhart, ’s tachrar fear nan con air, ’s dianar iad malairt a rithist; agus amhuil sin an treas latha, gus an robh iad an sin gun mhart idir. Bha fear de na coin air an robh Luath, fear air an robh Fios, agus fear air an robh Trom. Dh’ innseadh Fios far am biodh na feidh, bheireadh Luath orr, agus ghiùlaineadh Trom iad. Latha a bha ’n sin togar air do ’n bheinn-sheilg. Dh’ innis Fios far an robh na féidh, rug Luath air làn-damh, ’s chuir e sid air muin Thruim. A’ tilleadh dhachaidh, rinn iad stad aig fuarann uaine a leigeil an analach, ’s leig Trom osna mhor as. “Ciod e fàth d’ osna, Thruim?” “Farraid sin de Luath;” agus dh’ fharraid Luath de dh-Fhios. “Is mor sin ’s cha bheag e,” arsa Fios: “tha famhair mór nan cóig ceann, nan cóig meall, ’s nan cóig muineal, a’ fuireach an uamha faisg air an tigh agad, ’s tha e fhein ’s do phiuthar [TD 117] tuilleadh ’s àraid, ’s bidh do bheatha fhein agus ar beatha-ne aca mu’n sguir iad.” “Cha’n ’eil comas air,” ars’ esan”, ’s chaidh iad dhachaidh an oidhche sin. Chuir a phiuthar poit de ’n t-sithinn air, agus an uair a bha i gréidhte, dh’ ich iad an sàth ’s ghabh iad gu fois. Moch ’s a’ mhadainn thug iad a rithist a’ bheinn-sheilg orra. Dh’ innis Fios far an robh na féidh; rug Luath air làn-damh, ’s chuir e air muin Thruim e. A’ tilleadh dhachaidh thàinig iad air fuaran uaine, ’s rinn iad stad a leigeil an analach. Rinn Trom osna throm. “Ciod è fàth d’ osna, Thruim? Farraid sin de Luath,” ’s dh’ fharraid Luath de dh-Fhios. “Is mór sin ’s cha bheag e,” arsa Fios: “tha am famhair a stigh còmhla ri d’ phiuthair, ’s bidh ar beatha aige mu’n tig an latha. Chuir e an slachdan-draoidheachd am bràigh an doruis, los an ciad rud a dh’ fhosglas an dorus gu’n tuit an slachdan air ’s gu’m marbh e e.” Bha ’n gnothuch gu h-olc. “Ciod a ni sinn?” ars’ esan. Thuirt Fios gu’n robh mada-ruadh òg am bun na creige bha mu’n coinnimh, ’s gu’m beireadh Luath air “Agus,” ars’ esan, “thoir thusa leat beo e, leig as aig an dorus e, agus bheir e léum a stigh, ’s tuitidh an slachdan air, ’s gheabh sinn a stigh gu sàbhailte. Theid am famhair am fallach fo’n leaba; ach cuir thusa poit de ’n t-sithinn air mar nach cuireadh tu omhail air dad a bhi tuathal. An uair a gheabh i goil mhath bhruiche bheir thu dh’ e i, ’s cuiridh tu air an ùrlar i faisg air an leaba. Bheir sinne an sin leum thun na poite, ’s dòirtidh sinn i, agus loisgidh an siabh am famhair.” Chòrd a’ chomhairle gu math ris a’ ghille, ’s ghabh e i. Fhuaradh an sionnach, ’s thug e dhachaidh ’n a ultaich e. An uair a ràinig e an dorus leig e as e, ’s mar a b’ fhior, thug sid duibh-leum a stigh air an dorus, ach bha e cho ealamh ’s nach d’ rug an slachdan ach air bàrr an earrbaill aige—agus dh’ fhuirich barr an earrbaill ag a’ chù-shionnaich bàn gus an là an diugh. An sin chaidh iad a stigh, agus chaidh an t-sithionn a ghréidheadh. Mar a dh’ iarr Fios, thug an gille dh’ e a’ phoit, ’s chuir e air an ùrlar i aig bruaich na leapa. Leum na coin thun na poite ’s dhòirt iad i, agus fhuair am famhair plodadh math losgaidh, ’s leum e mach ’s an raoicil. Ma leum, a mhic chridhe, leum na coin a mach ’n a dheaghaidh ’s beir air bheir aca air, ’s mu’n d’ ràinig e an uamha rinn iad an gnothuch air. An là air n-ath-mhàireach, mu’n do bhlais an t-ian an t-uisge bha e air a chois ’s dh’ fhalbh e, ’s dh’ fhàg e a phiuthar an sid, ’s bus-diombach oirre ag cumhadh an fhamhair. Shiubhail e cian fhada ’s cuan fhada an àrd ’s an iseal, an lom ’s an coille gus an robh na h-eòin bheaga, bhuchullach, bhachlach, bharr-bhuidhe, bhòidheach, ag gabhail gu tàmh am bun nam preas ’s am bàrr nan dos, ged a bhà cha robh mac an righ ann. Mu dheireadh thall thàinig e air lùchuirt mhoir righ a’s gabhar a stigh; ’s dh’ iarr e cosnadh. Thaitinn a dhealbh ’s a dhreach riu, ’s dh’ fhiosraich iad ciod a b’ aithne dha dhianamh. Thuirt e nach robh cèaird aige, ach gu’n d’ thugadh e lamh-chuideachaidh dhaibh an rud sa bith a bhiodh a’ dol. Rinn an righ gille-monaidh dha fein d’ e. Bha e fhein ’s an righ a’ tighinn air a chéile gu gasda. Bha cead aig na coin dol do chèarna sa bith de ’n tigh ’s cha dianadh e ni gun a chur an toiseach ’n an cead-san. Ach ged a bha na cùisean ag éirigh leis cho math ’s a’ ruigeadh e leas iarraidh, bha a phiuthar a’ tighinn a stigh air—gu’m bu truagh i leatha-fhein ’s a’ choille; ’s ged a rinn i air mar a [TD 118] rinn i, chuir e roimhe gu’m bruidhneadh e ris an righ los a faighinn ’n a ban-chòcaire aige; ach chuir e a chomhairle ris na coinn. Thuirt Fios ris, ma bha e glic e g’ a seachnadh, gu’m biodh a bheatha fhein ’s am beatha-san aice mu’n sguireadh i; ach, cha robh fois aige a là no dh’ oidhche gus an d’ fhuair e aonta an righ gus a toirt leis. Cha dealaicheadh an righ ris na coin, ’g an cumail an geall esan a thilleadh. An uair a bha e dealachadh riutha chuir iad impidh air gun dol a tigh do’n tigh air chor sa bith, gu’ns bh a phiuthar ’s naoi cuileinean maola ruadha, aice a dh’ fhàg am famhair, ’s gum biodh e an geall na b’ fhiach e, ach iad a dh’ fhaotainn cothroim air. Bha feadag aige, ’s chluinneadh na coin i ge b’e àite ’s am bitheadh iad; agus dh’ iarr iad air e g’ a seinn ’n am biodh e an cunnart sa bith. Dh’ fhalbh e, ’s ràinig e gu sgìth, air acras agus air pathadh, an tigh ’s an robh a phiuthar, ach cha deachaidh e stigh. Rinn e guth aig an uinneig, agus rinn ise othail mhór ris ’s i toirt a h-uile cuiridh dha gu dol a stigh. A stigh cha rachadh e; ach chuir e an céill a theachdaireachd far an robh e. An uair a thuig ise neach dianadh bial-briagha an gnothuch, stuig i-na naoi cuileinean maola, ruadha, ann—’s i ’g éigheach sin e, sin e! am fear a mharbh am famhair—beiribh air!” B’ éudar dha a chasan a thoirt as, agus streupadh an craoibh. Thòisich iadsan an sin air a’ chraoibh a thoirt as na friamhaichean; agus ’s e bh’ ann gu’n do sheinn e an fheadag. Thàinig na tri coin uaine ’s mharbh iad cuileinean an fhamhair. Thill iad do lùchuirt an righ; ach eadar a h-uile car a bh’ ann thug e leis a phiuthar, ’s thòisich ise air a’ chòcaireachd. Thug iad mar sin latha ’s bliadhna, ’s iad cho math ’s a bha ’n latha cho fada. Thuit dhàsan a bhi bho ’n tigh là bha ’n sin, ’s cha d’thug e leis na coin: bha iad iad ’n an laidhe aig an teine, agus ciod sa bith a ghabh a phiuthar ’n a ceann, sparr i ghreideal ’n a teine dearg orra. Leum iad a mach ’s leig iad dunnal muladach asda, ’s chuir gach fear dhiubh brùchd an falamach an toman luachrach aig ceann an tighe. An uair a thill easan dhachaidh cha robh forfhais aig a phiuthair air na coin; ach dh’ innis am buachaille dha mar a thachair, agus mar a dh’ fhàg iad am fuil ’s an tom luachrach. Cha robh fhios aige ciod a dhianadh e; ach thrus e leis gu cùramach an fhuil, ’s bhóidich a’s bhriathraich e nach rachadh poll as a bhròig no uisge as osan gus am faigheadh e forfhais orra. Agus ’s e bh’ ann gu’n do ghabh e chead de’n righ, ’s gu’n do thog e air. Shiubhail e cóig chóigean na h-Eirionn ’s cha d’ fhuair e sgial orra. Mu dheireadh ràinig e baile-mór; ’s bha ’n sluagh an sin ri bròn ’s ri tuireadh. Dh’ fharraid e mu cheann-fhàth a’ mhulaid. Thuirt iad ris gu’n robh triùir mhac an righ gun dùil bheò rintha. Dh’ fharraid e mu ’n trioblaid, agus fhad ’s bho ’n a dh’ fhairich iad i. Thuirt iad ris gu ’n robh iad air falbh bho chionn fhada, ’s gu’n robh iad mar sid bho ’n a thill iad; ach an uair a h’ fhidrich e iad, dh’ innis iad a h-uile car dha—gu’n robh iad fada fo gheasan; agus cuideachd mar a rinneadh orra an tigh righ ’s an robh aid a’ fuireach; agus nach dianadh ni no dad an leigheas ach an fhuil a dh’ fhàg iad ’s an tom luachrach fhaotainn air a h-ais; ach gu’m bu rud sin nach gabhadh dianamh. An uair a chuala esan so, thuig co a bh’ aige; agus dh’ innis e dhaibh co b’ e; agus cuideachd gu’n robh an fhuil aige, na ’n aithngheadh gach fear dhiubh a bhrùchdan fhein. Thug e dhaibh am fuil ’s dh’ aithnich gach fear a bhruchdan fhein, ’s bha iad cho [TD 119] beò, slàn, fallain, ’s a bha iad riabh. Rinneadh fleadh mór, a’s mùirn, a’s aighir, ’s fhuair an gille caisteal briagha bho’n righ; agus a bheathachadh am miagh ’s am pailteas fhad ’s bu bheò e. Ged a rinn a phiuthar air mar a rinn i, bu truagh leis i, agus thug e leis i ’s bha i tuille ’n a h-inghinn mhath. Dh’ fhuirich iad le chéile ’s ’a chaisteal gus an d’ éug am muime; ach an uair a fhuair iad sgial a bàis-se thill iad dhachaidh do ’n rìgheachd fhein. GLASRACH. SOP AS GACH SEID. Didònaich shlat-pailm ’S ann ris tha mo stoirm. Didònaich Crum-Dubh,* Plaoisgidh mi ’n t-ubh. Triùir bhan-chompanach is còir do gach duine bhi mór a’s iad—a’ bhean, a stamag, agus a chogais. Smachdaich do smaointean an uair a bhios tu leat fhein, agus cuir srian ri d’ theanga am measg cuideachda. Tha uibhir de dh-iarann ann fuil da fhichead duine ’s a dhianadh soc ’s am biodh ceithir puinnd fhichead air chudrom. *Didònaich Crum-Dubh, Easter Sunday.—The following is from the Dublin Penny Journal:—Amalgadus, Amhley (hodie Awley) was prince of this district, on the arrival of Saint Patrick, called by a voice from the wood of Foclut (Faghd) to the conversion of the natives of this country, Awley received the Apostle with hospitality, by whom he was converted, together with 7000 of his subjects in one day, after a violent disputation with the Chief of the Druids, whose Crum Dhu, or Altar of Sacrifice, he overturned, casting the eternal fire into a cavern communicating with the ocean, called therefrom, to this day, Pal na shan tinne, or the cavern of the ancient fire. The memory of this event is annually celebrated on the first Sunday in August, called Donagh Crum Dhu, at Downpatrick, five miles west of Killala. Biadh a thoirt do ’n fhearann mu’m fàs an t-acras air; fois a thoirt da mu’m fàs e sgith; a ghart ghlanadh mu ’m fàs e salach—comharradh an deagh thuathanaich. Am màireach na biodh ad bheachd, Aon ni dhianamh a d’ neart fhein; Triallaidh sin uile ma seach, Creid nach beat ach an là ’n dé. Ni sàr bhreac srutha suain, Bidh dubh-breac loch a’ sior-leum; Fanaidh fear sona ri sìth, ’S bheir duine dona duibh-leum. MARBHRANN DO GHOBHAINN. Chaill na builg an anail, ’S chaill na h-ùird an spionnadh; Fhir mo ghaoil ’s mo chomuinn. Fhuair thu bàs a dh-aindeoin. Bha righ ann roimhe so, ’s bha e latha ag gabhail sràide air feadh baile-mhargaidh, ’s rachar romh chearna dh’e ’s an robhas ’s an uair ag cumail féille. Sheas e a ghabhail beachd air a’ bhathar agus orrasan a bha ’g a reic ’s ’g a cheannach, agus thugar an aire do sheann duine còir liath ’n a shuidhe a measg chàich, agus farraidear dh’e co b’è, no ciod a bh’ aige ’g a reic. Thuirt esan ris ’s e freagairt, gu ’m bu ghliocair e, ’s gu ’m b’e a’ chrionntachd am bathar a bh’ aige ’g a reic. Rinn an righ snodha gàire, ’s thuirt e ris, gu ’m bu rud sid air an robh e anbarrach féumach leis na bh’ aige de dhaoine ri rian, ’s gun e ach òg. “Agus,” ars’ esan, “ma ’s urrainn dut a’ chrionntachd a reic rium, bheir mi gu toileach dhut dà chiad marg òir oirre.” Is e bh’ ann gu ’n d’ thuirt an gliocair ris: “Bheir mi seòladh dhut leis am faod thu thu fhein agus do dhaoine a rian le crionntachd. A chaoidh na bruidhinn, ’s na gabh rud sa bith of làimh gun sealltainn romhad ciod a’ bhuil gus an tig do bhriathran agus do dhianadas.” Thaitinn an seòladh so cho math ris an righ ’s gu ’n d’ òrduich e an t-’or a phàidheadh ’s an uair dha. An sin ghearr e e air còmhlaichean ’s air uinneagan a lùchuirt ’s air an an obair òir a’s airgid, ’s dh’ fhuaigh e e air gach snàthainn aodaich a bh’ aige, los e bhi daonnan aige mu chomhair a shùl. Leis an fhaicill so cha deachaidh an righ riabh air iomral ’n a chomhairle, agus riaghail e e fhein ’s a righeachd le gliocas. Am fear nach seall roimhe, Seallaidh e ’n a dheaghaidh. [TD 120] AISEIRIGH IAIN RUAIDH. LE GILLEASBUIG DONULLACH. [Ceòl] Hó ró, gu ’m b’ éibhinn leam A chluinntinn gu ’n do dh-eirich thu; ’S ann leam is ait an sgeula sin, Bho ’n chaidh an t-Eug cho teann ort. Chuala mi gu ’n chailleadh thu, A’s gu ’n do rinneadh d’ fhalaraidh; ’S is cuis mu ’n robh mi gearanach, Do bhean a bhi ’n a bantraich. Thug iad o na h-osdairean Buideal am bun tòrraidh dhuit;— Ma bheireas mi gun òladh air, ’S e ni sinn seorsa bainnse. Bho ’n tha giubhas sàbht’ agad, ’S gu ’n d’ rinn an gobha tairngean duit, Teannamaid ri bàta ’theid Do Fhàro dh’ iarraidh branndi! Cha bhi dad de dh-éis oirre; Gheobh i gach ni dh’ fheumas i— Ni ’n lìon-aodach am main-sail di, ’S gu ’n dean na spéicean crann di. Cha ’n easbhuidh nach bi ballan ann, Gu cuplaichean, ’s gu tarraingean; Tha ropaichean gun ghainn’ againn, ’S gu ’n ceangail sinn gu teann iad. Cha ’n ’eil m’ inntinn gearanach, Bho ’n chuir thu dhiot an galar ud; ’S ann tha do phiob ’n a deannaibh, A’ toirt caithreim air ceol-dannsaidh. ’N uair bhà thu anns an Reiseimeid, Bu tapaidh, sgairteil, treubhach thu; A’ h-uile fear a leumadh ort, Gu ’n gréadhadh tu gun taing e. ’N uair a bha thu d’ oganach, Is lionmhor àit’ am b’ eolach thu; Chunnaic mise ’n clòsaidean, Ag ol an Amsterdam thu. AN T-AILLEAGAN. [TD 121-128] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 129] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] CEUD MHIOS AN T-SAMHRAIDH 1875. [41 AIR. SEAN-FHOCAIL. V.—TIR NAM BEANN, NAN GLEANN ’S NAN GAISGEACH. BHIODH e ’n a ni dàna, agus, ma dh’fhaodte, ann an iomadh cuideachd, ’n a ni cunnartach a radh, ged nach mor dhaoine tha cho gaolach ri Gaidheil na h-Alba mu’n Daoine ’s mu’n Dachaidh fein, gu bheil iad suarach mu’n Duthaich. Cha mho bhiodh e ceart, tha mi meas, co-dhiu gun ni-eigin de mhineachadh, dol a chur suaraichead mu’n Duthaich á leth nan Gaidheal. Cha ’n ’eil neach a chunnaic a’ bheag no mhor de ghiulan a’ Ghaidheil an Tìr choigrich, nach faca iomadh comharra follaiseach air a bhaigh r’a Chinneadh, r’a Chanain, ’s r’a Dhuthaich. Tha fios againn uile air a’ chumhachd tha aig cliu ’us onoir a Dhuthcha ’s a Dhaoine thairis air inntinn an t-Saighdeir Ghaidhealaich, a chum a bhi ’g a bhrosnuchadh gu gniomhan euchdach, airidh air a Thìr ’s air a Shinnsearachd. Anns na bailtean mora, gu h-araid o chionn beagan bhliadhnachan, tha gluasad a’ Ghaidheil ro chomharraichte. Cha ’n ’eil baile mor, no ach gann baile beag, am Breatunn, anns nach ’eil Comunn Gaidhealach, d’am priomh dhleasdanas a bhi dearbhadh do’n t-saoghal mu’n cuairt doibh, an àm ’s an an-àm, a rèir beachd morain, gur sluagh sonruichte iadsan, ’n an Eideadh, ’n an Ceol, ’n an Canain, ’n an Cleachduin, ’n an Sinnsearachd, ’s ’n an Eachdraidh. Agus ma leanas sinn na Gaidheil do dhuthchannaibh cein, gheibh sinn dearbhadh nach facas, ma dh’fhaodte, riamh roimhe air speis Sluaigh do’n Tìr a dh’fhag iad. Their Luchd-turuis ma tha toil agad fior Ghaidheal fhaicinn, gu’m feum thu Albainn fhagail, ’s imrich a dheanamh do Chanada no do Australia. Tha e air aithris gu’m faighear ’n ar latha-ne barrachd de’n fhior fhuil Ghaidhealaich, de fhior Chleachduinean, ’s de fhior Chainnt nan Gaidheal air raointean Australia ’s an coilltean Chanada, na gheibhear an Albainn. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil na Gaidheil an Albainn a’ dol an teircead ’s an laigead; ach nach mor an t-aobhar gairdeachais, ged tha ar Cinneadh a’ crionadh ’s an Rioghachd so, gu bheil e neartachadh taobh thall a’ Chuain,—nach Bàs ach caochladh Beatha tha’n dàn d’ar Sluagh. ’S ann le smuaintean dubhach, trom, a chuimhnicheas sinn air na miltean ’s na deich miltean a dh’ fhogair ainneart ás an Tìr fein; ach is ann le aoibhneas mor a leughas sinn no ’chluinneas sinn mar a shoirbhich le’r Luchd-duthcha an Rioghachdan céin, ’s gu sonruichte mar tha Tìr an duthchais, fuar ’s mar fhuair iadsan i, cho blath ’n an cuimhne. Co’n t-suil nach las, co’n cridhe nach plosg, an uair a dh’ innsear gu bheil a’ Ghaidhealtachd ’s a’ Ghaidhlig cho muirneach thairis ’s a tha i aig baile; gu bheil am [TD 130] Fogarrach a’ teagasg canain agus deagh chleachduin aithrichean d’a Chloinn; ’s gu bheil a’ Chlann ag adhlacadh nan Aithrichean ann an Cill a th’ air a h-ainmeachadh air a’ Chill ’s a’ bheil an Sinnsearachd ’n an luidhe mu Thuath? “Tìr nam Beann, nan Gleann, ’s nan Gaisgeach!” Cha ’n ’eil cearn de’n talamh air an do chuir an Gaidheal a chos anns nach cualas an fhuaim; agus cha ’n ’eil àite ’s an cualas i, nach do dhuisg i an cridhe a’ Ghaidheil na faireachduinean is luachmhoire a bhuineas d’a. Tha do cheann na’s airde, ’s do cheum na’s farumaiche, an uair a chluinneas tu ’n radh air cabhsair a’ bhaile mhoir; is tric a neartaich an smuain misneach, ’s eadh, agus creideamh an Eilthirich ri am trioblaid ’us deuchainn an Tìr chein; agus nach minic a chaidh an Saighdear Gaidhealach le iolaich an coinneamh an Namhaid, le suil na h-inntinn suidhichte air “Tìr nam Beann, nan Gleann, ’s nan Gaisgeach.” Ach ged tha so uile fior, is eigin aideachadh an uair a rannsuicheas sinn ar Canain, ar Sean-fhocail, ar Bardachd, agus eadhon ar n-Eachdraidh, nach faigh sinn ar Cinneadh a’ toirt dearbhadh cho laidir air an gradh d’ an Duthaich, ’s a d’ earbamaid á Daoine a nochd, air cho liutha doigh, speis cho mor agus gradh cho teth d’ an Daoine ’s d’ an Dachaidh. Tha e comharraichte nach ’eil focal againn ’s a Ghaidhlig a fhreagras do’n fhocal Bheurla Patriotism, ’s do na focail a tha ’n daimh ris. Their sinn “Duthchas” ris a’ cheangal tha eadar Duine ’s Aithrichean; agus cha ’n ann ris a’ cheangal tha eadar Duine ’s a Dhuthaich. A ris, cha chleachd sinn “Tireachas” anns an t-seadh so, ged tha ’m Foclair ’g a eadar-theangachadh le Patriotism. Agus their sinn “Tiorail,” no, mar shaoileas mi bu choir a radh, “Tìreil,” ri blaths, tearuinteachd o ghaoith ’s o uisge; ag eirigh, tha mi meas, o’n fhein-fhiosrachadh chruaidh a bh’aig ar Daoine air cunnairt Mara ’s Monaidh; mar tha gun teagamh “Tìr” fein a’ ciallachadh, cha ’n e Duthaich, ach Fearann, eadar-dhealaichte o Fhairge. Theireadh na Sean Daoine “Cha ’n ’eil Duthchas aig Mnaoi no aig Sagart;” agus feudaidh e bhi gur e ’s ciall do’n radh, gu’m b’e Duthaich na Mnà Duthaich a Fir, agus gu’m b’e Duthaich an t-Sagairt Duthaich na h-Eaglais—an Saoghal, no “Duthaich is fearr, eadhon Duthaich neamhaidh.” Ach ’s e mo bharail gur e fior sheadh an t-Sean-fhocail, gu’m b’e dleasdanas na Mnà a Daoine ’s a Dachaidh a threigsinn airson Daoine ’s Dachaidh a Fir, agus gu’m b’e dleasdanas an t-Sagairt an Saoghal a chur air chùl, a chum e fein a thoirt suas d’a dhreuchd, ge b’e cearn d’an rachadh a ghairm. Tha e gun teagamh fior gu bheil ar Canain easbhuidheach anns na focail a tha cur an ceill ceangal Dhaoine ri’n Duthaich; agus ’s e mo bheachd far nach faighear am Focal gur ann ainmig a gheibhear an Smuain. Is co-ionann sgeul do na Sean-fhocail. Tha aon, gun teagamh, a’ teagasg an atharraich, ach cha chluinnear ach ainmig e, “Cumhachd do charaid, agus Traillealachd do namhaid, a Dhuthcha.” Cha ’n ’eil an radh a ghabh sinn mar steigh fathast sean, ged tha e siubhlach. Cha ’n fhaighear e am measg nan Sean-fhocal a chlo-bhualadh ’s a’ bhliadhna 1785. Anns an Roimh-radh do shaothair Oisein a sgriobh Eobhan Mac-Lachlainn gheibhear “Tìr nam Beann, nan Gleann, ’s nam Breacan;” agus tha mi meas gur ann o’n chainnt so a dh’ eirich “Tìr nam Beann, nan Gleann, ’s nan Gaisgeach.” ’S e [TD 131] theirteadh o shean “Cnuic, ’us Uisg’, ’us Ailpeinich;” agus na’m fuilingeadh Sliochd Ailpein dhuinn “Albannaich” a radh an àite “Ailpeinich,” theirinn gu’m b’e ’n sean fhocal a bu fhreagarraiche na ’m fear ùr. Ach cha ’n ’eil teagamh nach e ’s brigh do’n radh so aosdachd Chlann-Ailpein, agus cha ’n e ceangal nan Gaidheal ri’n Duthaich. ’S ionnan teagasg do’n t-sean rann: “Cinnidh Scuit saor am fine, Mur breug am faistine; Far am faighear an Lia-fail, Dlighe flaitheas do ghabhail.” Agus ciod is ciall do’n radh sin a chithear air gach clàr, ’s a chluinnear anns gach coinneamh Ghaidhealach, “Clanna nan Gaidheal an guaillibh a cheile,” ach so, earail do na fineachan Gaidhealach an sean naimhdeas ’s an eas-aonachd a chur a thaobh, ’s a cheile sheasamh mar aon Sluagh ri aghaidh Sluaigh, agus cha ’n ann mar Luchd-duthcha airson còir an Duthcha; cha ’n e “Albainn” no “Gaidhealtachd,” ach “Clanna nan Gaidheal.” Cha chualas riamh an earail so cho caithreamach ’s a chluinnear i ’n ar latha fein. Is fuaim thaitneach i gun teagamh do’n chluais agus do’n chridhe. Ach gheibhear aobhar broin ’s a ghairdeachas; oir cha ’n urrainnear a dhi-chuimhneachadh cho feumail ’s a tha ’n earail, agus cho liutha uair ’s ’n ann an guaillibh ach an amhaichean a cheile. Cha ’n fhaighear dearbhadh is laidire air gradh Sluaigh d’an Duthaich na gheibhear ’n am Bardachd. Gheibh sinn Bardachd cuid de Rioghachdan air a lionadh le spiorad gaisgeil, eudmhor airson urram an Duthcha os cionn cuid eile; agus gheibh sinn an rian so ann am Bardachd na h-aon Duthcha na’s comharraichte an aon linn, na gheibhear e an linn eile. Is comharradh soilleir an comhnuidh a’ Bhardachd air a’ mheas a bha aig Luchd-aiteachaidh na Tìre air an Duthaich; oir anns a cheum so gu sonruichte feudar a radh gur iad na Baird teangadh an t-Sluaigh. A réir mo bheachd cha’n ’eil faireachduin cho luachmhor do Shluagh ri cliu an Duthcha; agus cha ’n ’eil seol air an fhaireachduin a neartachadh cho comasach ri saothair nam Bard. Is sona an Sluagh a tha air am brosnuchadh le fuinn am Bard fein gu bhi seasamh cliu an Duthcha anns gach àm ’s anns gach àite. Is an-aoibhinn do na Daoine agus do’n Tìr anns nach do sheinn Bard mu dhleasdanas agus mu luach Gradh-duthcha. Ciod an teagasg a gheibh sinn o na Baird Ghaidhealach air a’ phuinc so? Leugh thairis saothair nam Bard is ainmeile tha againn, agus feoraich dhiot fein cia meud d’an rann a tha comasach air smuaintean cothromach a ghintinn ’n a d’inntinn mu thimchioll do Dhuthcha agus do dhleasdanais d’i. A mach o Oisein, agus ma dh’ fhaodte os cionn Oisein, ’s e Donnachadh Bàn Mac-an-t-saoir agus Mac Mhaighstir Alastair is mò a fhuair de bhuaidh thairis air inntinnean ar Luchd-duthcha a sheinn an Gaidhlig. Cluinneam neach aig a’ bheil cliu a Dhuthcha dlù d’ a chridhe, ag aideachadh gu’n deachaidh an fhaireachduin luachmhor sin altrum no neartachadh le òrain nam Bard so. Gheibh sinn gun teagamh, am measg moran de ranntachd gun toinisg, greadhnachas ’us aillidheachd na Tìre air an cur an ceill am Bardachd oirdheirc. Gheibh sinn ar Canain, ar Ceol, ’s ar Cleachduin air am moladh airson buaidhean a tha dligheach dhoibh, agus airson iomadh buaidh nach ’eil. Ach c’ aite a’ bheil e air a sparradh oirnn gur e ar dleasdanas, agus gu’m bu [TD 132] choir gu’m b’e ar miann, cliu ar Duthcha a bhi luachmhor ’n ar suilean do bhrigh ’s gur i ar Duthaich i; ’s ar Canain, ar Ceol, ’s ar deagh Chleachduin altrum do bhrigh ’s gur iad dileab ar n-Aithrichean dhuinn? Agus ma thiunndas sinn o bhardachd gu eachdraidh nan daoine so, ciod an dearbhadh a gheibh sinn air a’ chumhachd a bha aig Gradh-duthcha thairis air am beachdan no air an gluasad? Cha robh, o chionn mile bliadhna, àm an Eachdraidh na Gaidhealtachd anns an robh a leithid de chothrom aig Bard air a ghradh d’a Dhuthaich ’s d’a Chinneadh a dhearbhadh, ris an àm anns an do shaothraich an dithis dhaoine so. Ach ciod am feum a rinn iad do’n chothrom? Tha Donnachadh Ban a’ cogadh leis na Deorsachan; ach tha a chridhe leis na Stiubhartaich. Thainig aimsir an dearbhaidh, anns an robh daoine an ’n da-rireadh ma bha iad riamh ann; ach ciod e gluasad Dhonnachaidh? Chaidh e do’n arm dhearg airson duais. Aig an Eaglais-bhric theich e, ’s chaill e ’chlaidheamh; b’eigin a’ choire chur air a’ chlaidheamh. ’S ann le toilinntinn a dh’ innseas e gu’n do chaill a thaobh fein an latha: “Bha ratreut air luchd na Beurla, ’S ann doibh fein a b’eigin teicheadh.” Gun teagamh cha robh Donnchadh Bàn ach òg ’s an àm so; ach c’àite am faighear ’n a bheatha fhada, no ’n a iomadh rann, dearbhadh air gaol dealasach, durachdach, teth a’ Bhaird d’a Dhuthaich no do fhior leas a Dhuthcha? Bu duine eile Mac Mhaighstir Alastair. Duine misneachail, treun, ’n a chorp, ’s ’n a inntinn; agus fior Bhard. Duine a thug suas uile chridhe, uile neart, agus uile inntinn do Thearlach Stiubhart, co-dhiu rè tamuill. Duine a thoilleas urram agus meas airson nam feartan cuirp agus inntinn a bhuilicheadh air; agus, ann an tomhas co-dhiu, airson na buil gus an do chuir e iad. Ach cha b’e aobhar a Dhuthcha a dhuisg misneach an t-Saighdeir, no ’las anam a’ Bhaird. “Leanaidh mi cho dlù ri d’ shailtean, ’S a ni bairneach ri sgeir-mhara.” ’S e sailtean Thearlaich, ’s cha b’e sailtean Albainn a leanadh am Bard cho dlù. Duine do-thuigsinn air iomadh doigh; le buaidhean nach buineadh do mhoran—suil gheur, cluas cheolmhor, cuimhne laidir, eolas farsuing; ach le aignidhean borb; ’s le nadur cho salach ris na ronnan tombaca a bha ’n comhnuidh a’ sruthadh o bheul. Seinnidh e duanag cho binn ’s a chaidh a sheinn riamh an Gaidhlig; ann am maise ’Chruthachaidh gheibh e toilinntinn nach fairich neach ach am Bard a mhain; cluinnear “Fuaim ’us farum a’ bhlair” anns gach sreath de “Mholadh an Leoghainn:” ach ciod e dheth sin? Ma thig an neach is diblidh no is suaraiche tarsuinn air, fagar maise na Banaraich; cha ’n ’eil sùil air aillidheachd Allt-an-t-Siucair; theid eadhon aobhar Thearlaich Stiubhart a chur a thaobh; airson gach neimh, ’us puinnsean, ’us sailche, a thilgeadh air an deoraidh thruagh a ghabh de dhanachd air fein a shuil a thogail, an uair a bha ’choimlisg iongantach so de Chlann Domhnuill “a’ gabhail an rathaid mhoir, olc air mhaith le cach e.” Agus ma ’s e so cliu nan crann ùra, ciod a theirear mu’n chrionaich? ’S e mo bheachd gu’m feudar a radh nach dearbh a’ Bhardachd Ghaidhealach, seachad air Bardachd Oisein, gur pobull sinne aig an robh mor ghradh d’ar Duthaich, anns an t-seadh is airde ’s is freagarraiche airson cliu Sluaigh a sheasamh fa chomhair an [TD 133] t-Saoghail. Agus ciod e teagasg ar n-Eachdraidh? Tha dà aimsir gu sonruichte ’n ar n-Eachdraidh, ris an seall sinn air ais le h-uaill, mar dhearbhadh air ar treuntas ’s air ar n-aonachd;—’s e sin mar a sheas ar n-Aithrichean cho gaisgeil an aghaidh nan Romanach, agus, iomadh ceud bliadhna ’n a dheigh sin, air taobh nan Stiubhartach. Choisinn ar Sinnsearan cliu maireannach d’ ar Cinneadh airson misnich, gaisge, ’s dilseachd anns na h-àmannan sin; agus rinn Seanachaidhean ’us Baird, Ghallda ’us Ghaidhealach, lan cheartas d’ar sluagh anns na cùisean sin. Ach cha mhor de chuig-ceud-deug bliadhna a tha ’n dà aimsir sin a’ comhdach; agus nach ’eil e fior gur ann roinnte ’s nach ann aonte ’bu trice bha na Gaidheil rè a chorr d’ar n-Eachdraidh? Agus eadhon am measg nam Fineachan a dh’ eirich le Tearlach Stiubhart, nach faigh sinn, taobh ri gaisge air nach d’ thugadh barr, ’s ri dilseachd nach facas a samhuil, iomadh comharra “air a’ pheacadh a bha gu furasda ’g iadhadh mu’r sluagh,”—eas-aonachd? Nach b’e riamh cleachduin nan Gaidheal a h-uile fear a bhi deanamh dha fein? Agus is mor mo churam nach do rainig sinn fathasd mar shluagh air an fhirinn, gur ann air bunait na h-Aonachd a mhain a thogar aitreibh na Morachd. Gu deimhinn bu tigh roinnte ’n a aghaidh fein tigh a’ Ghaidheil an Albainn; agus cha ’n e ’n t-aobhar ioghnaidh gu’n do thuit e, ach gu’n d’fhan e cho fada ’n a sheasamh. “Cluinneamaid brigh na chaidh a radh uile.” Thug na Gaidheil dearbhadh laidir rè an Eachdraidh air an speis d’an Daoine fein ’s d’ an Dachaidh fein; agus ’n ar latha-ne chi sinn iomadh comharra soilleir air an speis d’an Duthaich ’s d’an Cinneadh. Ach o chionn mile bliadhna cha ’n fhaigh sinn Gradh-duthcha air a nochdadh am measg ar Daoine, mar a chithear anns na Rioghachdan a ghleidh aite-toisich an Eachdraidh an t-Saoghail. Feudaidh e bhi gu’m b’e ar Crannchur a shonruich ar Cleachduin anns a cheum so; feudaidh e bhi gu’m b ’e ar Cleachduin a shonruich ar Crannchur. Tha e fior gu’n d’thug ar Sinnsearachd dearbhadh air Misneach ’us Dilseachd airidh air inbhe a b’airde na shealbhaich iad. Ach bha’n Dilseachd an comhnuidh do Dhaoine, ’s cha b’ann do Chuis; d’an Dachaidh, ’s cha b’ann d’an Duthaich. Cha d’eirich iad ’n an iarrtuis os cionn Cuis ’us Coir am Fine fein. Chaill iad mar so an aon smuain is luachmhoire ’s is cumhachdaiche air thalamh air son cliu Sluaigh ardachadh,—’s e sin beachd cothromach air an dleasdanas d’ an Duthaich fein mar an Duthaich, agus d’an Sluagh fein mar an Sluagh. Is tric a b’e aobhar a’ Chinn-chinnidh euceart, foirneart air Fine eile; agus ged bhiodh ’aobhar ceart cha bhiodh e buan, oir, “Mar reul ruiteach rè an laoich, Is gearr ge h-aoibhinn a’ dhearrsadh;” ach tha aobhar do Dhuthcha ceart an comhnuidh, agus tha ’cliu, o linn gu linn, ’n a dhleasdanas soluimte do’n Luchd-aiteachaidh. Ann an eachdraidh an t-Saoghail tha e fior nach e neart no misneach a mhain a choisneas cliu maireannach do Shluagh, ach beachd cudthromach air an dleasdanas d’ an Duthaich, agus aonachd ’us eud airson a cliu a chur am farsuingeachd. Ciod eile rinn Duthaich bheag na Gréig ’n a Ceann-iuil do’n t-sean Shaoghal, ’s na h-eisempleir do na Rioghachdan gus an là diugh? Chiosnaich na Romanaich an Saoghal, ach ciamar? Leis gach Romanach iunnsachadh o oige gu bhi cumail suas cliu a Dhuthcha anns gach ceum d’a [TD 134] bheatha, agus leis an leasan a’ sparradh cho teann, ’s nach robh Romanach, rè an Eachdraidh urramaich, a muigh no aig baile, cia air bith a dhreuchd no inbhe, nach robh air a lionadh le eud air son a Dhuthcha ’s a Shluaigh. Ciod a thug comas do Rioghachd bheag Albainn dùlan a thoirt rè iomadh ceud bliadhna do fheachd cumhachdach Shasuinn, ’s a Coir ’s a Creidimh a ghleidheadh saor; ciod, ach beachd cudthromach an t-Sluaigh air an dleasdanas sholuimte a chuireadh orra mar Rioghachd na sochairean luachmhor a fhuair iad o’n Aithrichean a thiodhlacadh d’an Cloinn? Ciod a dh’ardaich cliu Shasuinn am measg nan Rioghachdan? Tha gun teagamh an Tìr torach, ’s tha cothrom na Mara aice; ach ciod e ’m feart a ghlac an cothrom, ’s a dh’ uisnich cho maith e. Gheibh thu an fhreagairt am beul Nelson aig Trafalgar: “’Se earbsa Shasuinn gu’n dean gach fear a dhleasdanas.” Anns a cheum so bha teagasg nan Gaidheal easbhuidheach. A mach o Oisein, cha’n ’eil Bard Gaidhealach againn aig an robh beachd dligheach air dleasdanas Dhaoine d’an Duthaich. Cha robh Bard againn ach esan a sheall air ais, mu’n cuairt d’a, ’s air thoiseach air; ’s a theagaisg nach b’e crioch do dhleasdanais, mar Ghaidheal, an Saoghal a ghabhail mu d’cheann, ’s d’fhortan a dheanadh, ach gu’n robh fiachan trom agad ri dhioladh do d’ghinealach fein, do na ginealaich a chaidh thairis, ’s dhoibhsan a thig a’d dheigh: “Cia as tha sruthan na bha ann? C’uin a thaomas an t-àm tha falbh? C’ait’ an ceil aimsir a da cheann? An ceathach tha mall, ’s nach gann, A taobh ballach le gniomh nan seod.” O chionn iomadh ceud bliadhna tha ’n Gaidheal, mar gu’m b’ann, a’ dol roimh ’n t-Saoghal an coinneamh a chùil. Tha e tighinn beo air an àm a dh’fhalbh; mar bha Mac Cruimein, ’n a aois ’s ’n a laige, cluich air a’ bhata nam port a chluich e, ’n a oige ’s ’n a threise, air a’ phiob. Ach cha bheathaichear cliu Sluaigh air an lòn so an comhnuidh. Ma ’s e ’n giomach e, ged tha shuilean eadar a dhà spòig, cha ’n ’eil iad a ghnath ’n a dheigh. “Cuimhnich air na Daoine o’n d’ thainig thu,”—ro cheart agus ro fhreagarrach; ach cho ceart agus cho feumail, “Cuimhnich air na Daoine a thig ad dheigh.” Is ann a mhain an uair a gheibh thu greim teann air smuain Oisein, ’s a sheallas tu ort fein mar aon de na tinneachan tha deanamh suas Slabhraidh Eachdraidh do Shluaigh, a dh’fhairicheas tu gur e do phriomh dhleasdanas do bheatha orduchadh, air dhoigh ’s nach bi coimhliontachd na Slabhraidh air a bhriseadh, no a neart air a lagachadh le do dheanadas-sa. Bheir an smuain maise agus morachd do d’ ghluasad;—cuiridh i misneach ’s a’ Ghealtaire; ni i Treubhach de’n Troich. Cha’n ’eil ’s a’ Ghaidhlig ainm againn airson a leithid so de dhuine; agus is duilich nach ’eil. ’S an àm a dh’fhalbh, cha’n amhairceadh ar n-Aithrichean fada an aghaidh spreidh a’ Ghoill iomain do na beanntan; ach cha ghoideadh iad focal d’a chainnt. Thug an ginealach a chaidh thairis Patron thar Galldachd, ach dh’fhag iad Patriot a muigh. Nach faod sinn gun toibheum, a radh: “Bu choir dhoibh sud a dheanamh, agus gun so fhagail gun deanamh.” Tha mi meas gu’m buidhneadh ar Sluagh ann an cliu, barrachd na chailleadh ar Canain ann am maise, na ’n abairteadh á so suas, “TIR NAM BEANN, NAN GLEANN, ’S NAM PATRIOT. D. M.‘K. [TD 135] MAIRI NION DEORSA. (PIOBAIREACHD.) O ciad mìle fàilte, Do Mhàiri nion Deòrsa. Fal-al dir-al diro, Fal-al diro, Dal dal riro. Gu’m b’ ait leam bhi làmh riut, A Mhàiri nion Deòrsa. Fal-al, &c. Tha guth do chinn, Taitneach leinn, ’S ait leam fhìn beò thu. Gur suairc’ thu na sòlas, ’S tu tha binn ceòlmhor. Caismeachd bhuat, B’ ait le m’ chluais, ’S leat gach buaidh òrgain; Gu’m beil mi gle chinnteach, Gu’m b’ inntinn leinn pòg bhuat. ’N àm éirigh ’s a’ mhadainn, Gu’m b’ ait leam bhi ’d éisdeachd. Fal-al, &c. Le d’ bhéus a’s le d’ threble, Gur sgiobalt an gléus thu Fal-al, &c. O, sid i suas, Ri mo chluais, I gu buaidh-léumnach. Air chuntar ’s air thenor, ’S gle shunntach le chéil’ iad. I gun mhann, i gun srann, I gun cham-ghléusadh. Gu’m beil mi gle chinnteach, Gur music a shéinnt’ leath. Gur grinn i ’s gur grìdeil, A’ chéile th’ aig Deòrsa. Fal-al, &c. Cha dianadh i streup ris Mu éud nam ban òga. Fal-al, &c. ’S grinn do mheur, ’S binn do bheul, ’S math thig beus mòr leat. Gu’m b’ ait leam am chòir thu, Gabhail music a’s crònain. Bean chaol, donn, ’S finealt fonn, Anns gach pong eòlais; Gu’m b’ fhearr leam na gini, Gu’m bithinn riut còrdte. Gur mòr tha de m’ chùran, ’N ad chùl buidh, glan, bòidheach. Fal-al, &c. Gur bagant ’s gur mùint’ thu, ’N àm rùsgaidh ad sheòmar Fal-al, &c. Com geal, donn, ’S finealt fonn, Urlar lom, còmhnard. Cha laidhheadh trom bhròn ort, Thogteadh leat sòlas Téud caol, lag, Méur gun stad, ’S i gu ceart, ceòlmhor. Gur binn’ thu ’g ad luaidh rium, Na chuachag ’s an smeòrach. Gur binn’ thu ’g ad luaidh rium, Na cuachag na géige. Fal-al, &c. Cha’n ’eil thu cho costail, ’S gu’n tochair mi fhein thu. Fal-al, &c. Cha laidh fuachd Air a snuagh, Ri là fuar funntainn, Ged a bhiodh i sìor rùisgte. Math ad fhiamh, Tlachd ad ghnìomh, ’S tu tha fìor chùirteil. ’S mairg chi thu ’g ad sheòladh Ann an crògan an umaidh. Ma chaidh tu air chuairt bhuainn, ’S ann a suas do Chinntàile, Fal-al, &c. Bidh mise sìor-ghuidhe, Thu thighinn ad shlàinte. Fal-al, &c. Ma chaidh tu suas Seachad bhuainn, Do ’n Taobh-tuath ’n dràsta, Bidh mise gle chràiteach, ’S nach cluinn mi do mhànran; Mo chrìdh’ trom, ’S e gun fhonn, ’S mi gun sùrd slàinte; Tha mise ad dheaghaidh. Gun mhire, gun mhànran. CUNNTAS BEAG MU THURUS DO ’N EADAILTE. I. SAOILIDH mi nach eil duine beò, a fhuair a bheag no mhòr de ionnsachadh, nach do dh’fhairich dùrachd làidir amharc le shùilean fhéin air tri gu h-àraid de shean chaithrichean an t-saoghail. ’S e sin ri ’ràdh, IERUSALEM, “aoibhneas na talmhainn” a bha, sòlas nan naomh, àite-breith na Criosdachd; an [TD 136] AITHNE, sùil na Gréig, màthair eolais agus ealantais na Roinn-Eorpa; agus an ROIMH, sean dachaidh na fine bu ghlice ’s bu treasa ’chunnaic an saoghal riamh, gus na dh’ éirich Breatunn! Cha’n ’eil mòran duil agam Beinn Shioin fhaicinn gu bràth, agus ’s dòcha, mur a faic, gu ’m bi sin cho math; oir is tric iad ag ràdh, a chunnaic i, gur cianail an sealladh,—creideamh an fhàidh bhréige, agus aineolas nan Turcach, air an suidheachadh gu h-uaibhreach air a’ chnoc naomh bho’n deach’ a mach solus agus dòchas na cruinne. Airson na h-Aithne, cha d’thug mi dùil dh’ i fhathasd; agus ’s ann leam bu mhath a’ chathair àrd ud fhaicinn, far an cualas bho shean guth tréubhach DHEMOSTENEIS, ceannard nam fear-labhairt, agus na liosan taitneach air bruachan an Ilissus, anns am b’ àbhaist do PHLATO agus ARISTOTEL, cinn-fheadhna a’ Ghliocais, an deisciobuil a theagasg anns an Fheallsanachd dhomhain bhrighoir a dh’fhàg iad mar dhilib aig a’ chinne-dhaonna! An da bhaile-mhòr sin cha ’n fhaca mi fhathasd, ach an treas aon, ban-righ an domhain fad iomadh linn, cathair-mheadhonach na talmhainn, eadhon aig an la an diugh, ann an sùilean cuid mhòr de phobull na Criosdaidheachd,—an ROIMH, chunnaic mi mu dheireadh, ’a s’ t-fhoghar so ’chaidh, a’ coimhlionadh aon de aislingean m’ òige. Tha romham cunntas athghearr a thoirt air mo thurus, ag ainmeachadh nan seallaidhean sònruicht’ a chunnaic mi air an t-slighe. Chaidh mi thairis am bàta-smùid bho Dover gu Ostend, baile-puirt ann am Belgium, agus bu taitneach leam àileadh na mara, an deigh sgios an turuis-oidhche air an rathad-iaruinn eadar Albainn agus Sasunn. ’N uair a theid mi air an aiseag ud, ’s a chi mi cho faisg ’s tha oirthir na Fraing air cladach Bhreatuinn, tha ’n smuain an còmhnaidh ag eiridh, cia mòr an t-atharrachadh a rinn an caolas ud air eachdraidh an t-saoghail! Feudar a radh, gur h-i ’challaid-mhara ud eadar sinn agus an Fhraing, an gàradh-crich is féumail air aghaidh na talmhainn. Chaidil mi ’n oidhche sin ann an Cologne, aon do bhailtean-mòr Phrussia, far am bheil cathair-easbuig cho ainmeil ’s a th’ anns an Roinn-Eorpa. Tha còrr is cuig ceud bliadhna bho na thòisicheadh air a togail, ’s tha iad ag obair oirre fhathasd. Ach ’s fhad o ’n bha i deiseil airson aoraidh, ’s cha b ’e sin a h-uile deisealachd. Cha robh mi riamh an taobh a’ s’ tigh eaglais a thug cho mòr do m’ chuimhne briathran an t-sailm chaithreamaich, “Togaibh suas bhur cinn, a gheatacha, agus bithibh air bhur togail suas, a dhorsa siorruidh, agus thig Righ na glòire steach!” Uaith so chaidh mi suas turus latha air amhainn mhòir na Gearmailt, an Rhine. Tha ’n turus so ainmeil airson boidh’chead an t-seallaidh air bruachan na h-aimhne fad an t-siubhail. Air gach taobh tha na bruachan còmhdaichte le coilltean ’s le fion-liosan torach, ’s air mullach gach creige chi thu sean chaisteal, a bha ’n a àite-tàimh bho chionn fada aig fear dhe na baroin uaibhreach fhiadhaich a chum an tir uile fo chis, a’ riaghladh an t-sluaigh bhochd le slait iaruinn. B’ iad sud na daoine gun iochd, gun mhodh; ach dh’dfhalbh iad, taing do ’n Adh, ’s tha ’chuid mhòr dhe ’n caisteil a’ crionadh gu duslach. Is mòr an t-saothair a tha’s a’ cur a mach air àrach nam fionan anns na h-àiteachan ud. Tha cus dhe na liosan air an togail a measg bhruachan cho cas ’s cho creagach ’s gur fheudar an ùir a chumail suas le [TD 137] ballaichean beaga, eagal i ruith leis a’ bhruthach. Shaoileadh tu nach b’ fhiach e ’n t-saothair a bhi stri ri àiteachadh an leithid de fhearann, ach tha fios ni ’s fhearr aig an fheadhainn do’m buin e. Dh’aindeoin tainead na h-ùrach, tha ghrian ro fhàbharach, agus tha cus dhe ’n fhion is grinne tha tighinn as an dùthaich ud bho thoradh nan ionadan cas cruaidh a tha sealltuinn cho mi-choltach. Bho ’n Ghearmailt thug mi ’n t-astar gu Switzerland, far am bheil a’ chuid mhòr de na beanntan a ’s àirde ’s an Eorpa, agus, mar chleachd do mhuinntir nam beann a bhi, sluagh cho tapaidh, cho calma, cho aoidheil, cho gràdhach air am beanntan fhéin, ’s cho comasach air an dion, ’s a tha air aghaidh an t-saoghail. Cha’n’eil fine ann air an la an diugh ni’s fhearr cor, ni ’s fhearr riaghladh, ni’s fhearr ionnsachadh, na luchd-dùthcha Uilleam Tell. Tha ’m fearann mar is tric ann an lamhan na tuatha; cha’n’eil uachdarain mhòrach ainneamh; agus is e beartas àraid na dùthcha an crodh. Fad an t-sàmhraidh, gu deireadh an fhoghair, tha na buachaillean leis a’ spréidh, mar a b’ àbhaist a bhi ’n ur glinn fhéin, air àiridhean shuas anns na beanntan, aig àirde mhòir os ceann nam bailtean. Tha e na fhìor chulaidh ioghnaidh do choigreach an cuid bothain dhonn fhiodha fhaicinn cho fada shuas eadar e ’s na speúran, gle thric ann an àiteachan cho cas, ’s gu’n canadh tu gu robh iad ni bu nadurra airson ghobhar na airson dhaoine. Anns na h’ àiridhean ud tha iad a’ deanamh cuid mhath dhe ’n chàis is fheàrr a th’ ann, seorsa ris an can iad Gruyere, ’N uair a ghleidhear gu cùramach e, mairidh e uine mhòr. Bhlais mi crioman a bha còrr is leth-cheud bliadhna dh’ aois, agus cha robh dad de choslus crionaidh air, ’s cha robh agam ’n a aghaidh ach gu’n robh ’bhlas rudeigin làidir, geur. Dhe na seallaidhean bu chomharraichte a chunna mi anns an dùthaich bhreagha so tha Loch Geneva, no Loch Leman, h-aon dhe na lochan is àille air an t-saoghal. Tha e mu 50 mile air fad, agus eadar 5 agus 8 air leud; a cheann uachdrach, far am bheil an amhainn mhòr an Rhone a’ tighinn a ’s tigh, air a chuartachadh le beanntan uamhasach; agus na bruachan air an taobh tuath, fad an t-shiubhail, bho cheann gu ceann, beo le bailtean is clachain, a measg chraobhan is fhion-liosan, le sliosan feurach uaine air an cùl, a’ ruigheachd suas gu mullach nan cnoc, ’s air chul sin a ris na cruachan corrach creagach, ag éiridh gu àirde eadar 5000 agus 10,000 mile troidh os ceann còmhnard na mara. Ach ’s e ioghnadh àraidh an loch dath an uisge; cha’n ’eil a choimeas ri fhaicinn, air ghuirme ’s air shoillearachd; ann am foclan an Sgriobtuir, tha e “mar na nèamha féin ann an soillse.” Sealladh anabarrach eile ’chunnaic, mi, eas mu 50 troidh air àirde a’ tuiteam ann an loch aig ceann uamhaidh ’am broinn beinne. Cha ’n ’eil leus soluis anns an uamh ach na bheirear innte le coinnlean, agus ’s ainneamh fuaim a chuala mi ni b’ uamhasaich na toirm an uisge a’ tighinn a nuas ann an dorchadas na h-uamhaidh. ’S e Uamh nan Sithichean ainm an àite neònaich ud. Bha beanntan mòra ri ’m faicinn anns a h-uile àite, beanntan cho ard ’s gu bheil iad geal le sneachd ann an teis-meadhoin an t-samhraidh. Ach fhuair mi ann an aon àite sealladh cho sònruichte ’s nach dichuimhnich mi e ri m’ bhèo. Air mullach beinne còrr is 10,000 troidh àir airde, dh’ an ainm an Gorner Grat, bha mi air mo chuartachadh le crios de bheanntan, anns an do chùnnt mi [TD 138] fichead mullach eadar 12,000 agus 15,000 troidh air àirde. Tha iad ag radh nach ’eil àite eile anns an Roinn-Eorpa bho ’m faighear leithid de shealladh bheanntan is raointean-sneachd. Dhe na beanntan is ainmeile dhiu sin tha Monte Rosa, Mischabelhorn, Breithorn, Dent Blanche, Gabelhorn, Rothhorn, Weisshorn. Ach tha aon bheinn an sud a tha gu h-àraid ainmeil, am Matterhorn. Tha i 14,800 troidh air àirde, agus tha i ag éiridh gu h-aonaranach, eadar-dhealaichte bho chàch, ’n a cruaich dhirich chreige, air chumadh geinne. Cha’n fhaca mi fhathasd sealladh cho uamhasach. ’N uair a chi thu na neoil a’ snàmh seachad oirre, ’s a ceann dubh biorach a’ tighinn am fianuis shuas leth na slighe eadar thu ’s a’ ghrian, saoilidh tu nach buin i do ’n talamh idir, ach gur e h-ann creutair beo eagalach, a’ còmhnuidh anns na speuran. Chanadh tu gu’m bu cho coltach cas duine a mullach a ruigheachd ’s gu’n ruigteadh air iteig do’n ghealaich. Tha aghaidh na creige a’ sealltuinn mòran ni’s caise na mullach tighe, agus nan sleamhnaicheadh tu air a mullach rachadh thu sios a dh’aon tearnadh còrr is 4000 mile troidh (mu àirde Beinn Nibheis) gun stad! Thachair sin, mu thruaigh, do cheathrar fear, a cheud la a bhuinnigeadh a mullach, an deigh iomadh deuchainn, an sàmhradh 1865. Bha iad ochdnar ann a’ direadh, ’s ràinig iad a mullach gu tearuinte, le mòr shaothair. ’N uair a thòisich an tearnadh, bha iad uile ceangailte ri chéile, mar tha ’n cleachdadh ann an direadh a measg sneachd is deighe. Thuislich fear dhe’n fheadhainn a bh’ air thoiseach, thuit e air a dhruim, agus sguabadh a chompanaich bho’n casan còmhla ris. Spàrr a’ cheathrar a bh’ air dheireadh am bataichean anns a’ chreig, is leig iad an taic orra le ’n uile neart. Bhrist an taod eadar iad is càch, ’s chunnaic iad le oillt an ceathrar chompanach a’ sleamhnachadh, fear an deigh fir, as an sealladh, thar oire na creig aibheisich! Beagan la an dheigh sin fhuaradh tri dhe na cuirp air an t-sneachd aig bonn na creige, 4000 mile troidh bho’mullach. Cha d’ fhuaradh corp a’ cheathramh fir (Morair Frang Dubhghlas, Albannach òg eireachdail) riamh. Is iad na beanntan mòra so a’ chrioch eadar Switzerland agus an Eadailt. Dhe na bealaichean eatorra cha’n ’eil gin ni’s ainmeil na Bealach Shimploin. Troimh ’n bhealach so rinn Buonapart Mòr a cheud rathad eadar an da dhùthaich, aig costus anabarrach. Cha b’ e leas a cho-chreutairean a bha ’n a aire-san idir, ach comas armailt is uidheam chogaidh a ghiulan thairis air na beanntan, gus an Eadailt a chumail fo smachd. Cha robh ceisd aige, fhad ’s a bha ’n obair a’ dol air aghart, ach “Cuin a théid na canoin a null thar an t-Simploin?” Ach ged nach robh ’n a inntinn-san ach a ghlòir fhéin, agus glòir na Fraing, bha ’n obair feumail do ’n t-saoghal, agus cha’n ’eil rathad mòr ’s an Roinn-Eorpa is cliùtaich dhoibhsan a rinn e na rathad an t-Simploin. Tha ’n ceum is àirde dheth 6600 troidh os ceann na mara; cha’n ’eil cunntas air co meud lùb is car a th’ann; ’s airson dhrochaidean, tha iad ’n an ceudan! Tha e direadh bhruthaichean cas, os ceann choireachan is aimhnean tha uamhasach ann an doimhneachd, troimh choilltean mòralach giuthais, far an cluinn thu gàir nan easan fothad, agus air uairean toirm nan leumshneachd (avalanches) os do cheann. Air an rathad so chaidh mi thairis do ’n Eadailt, agus dhe na seallaidhean a chunnaic mi cha b’e an Simplon bu shuarraiche! [TD 139] ’N uair a ràinig sinn am mullach, mu 8 uairean ’s a’ mhaduinn, ged a bha sinn eadar 5 agus 6 uairean a’ direadh, chunnaic sinn am baile a dh’ fhàg sinn ’s an dorcha, Brieg, fhathasd fodhainn, a’ sealltainn cho teann oirnn ’s gu’n saoileadh tu gu’n ruigeadh peilear á musgaid e! Eadar an ceann sin dhe ’n rathad ann an Switzerland, agus Duomo d’ Ossola ’s an Eadailt, cha’n ’eil ach astar 39 mile, ach ’s e 9 uairean an ùine ’s lugha a ghabhas an diligence, le ceithir eich laidir, ris, i.e., beagan ni ’s fhearr no 4 mile ’s an uair. Ach ’s ann a bha an sealladh greadhnach os ceann a’ ghlinne far am bheil am baile sin a’ luidheadh. Bha ’n sin comhthional do bheanntan glòrmhor, còmhdaichte le sneachd (Iungfrau, Eiger, Aletschhorn, &c.), rughadh àigh na maidne a’ boillsgeadh air gach cruaich, agus fodha sin an ceathach bàn a’ seòladh gu ciùin, ’s a’ taomadh sios ’n a thuinn eadar na mullaichean ’s an gleann. Sin sealladh nach tréig mo chuimhne gu bràth, sealladh mar gu ’m b’eadh de bheanntan Neimh! Ach feumar stad an so, aig mullach an diridh. ALASDAIR MAC NEACAIL. A’ CHUTHAG. THIG fochunn, thig féur, Mu’n goir a’ chuthag. Bidh bainn’ aig an spréidh, Mu’n goir a’ chuthag. Theid am minnein do ’n bheinn, Mu’n goir a’ chuthag. Bristidh duilleach nan géug, Mu’n goir a’ chuthag. Goiridh ’n ianlaith gu léir, Mu’n goir a’ chuthag. Theid an t-earrach fo ghéill, Mu ’n goir a’ chuthag. ’S a’ Bhealltainn bhuig, shèamh, Gu’n goir a’ chuthag. ’S théid mise ’Loch-Tréig, Mu’n goir a’ chuthag. SGIALACHD NA TROIDHE Air a tionndadh bho ’n Ghreugais gu Gailig Abraich, LE EOBHAN MACLACHAINN. V. DUAN (Air a leantuinn.) CHA bhan-dia ise gu gleus, Mar Phallas is beusach sgiath, Cha bhaobh-sgrios nan torunn cruaidh, Ni dearg chàrn de stuaidh nan cliar, Cha’n eol d’i mùiseag nan treun An cath-chreuchd cha d’ iarr i buaidh. B’ annsa blàr seasgair a’ ghaoil, ’S an coisnear gun chaonnaig buaidh. Bhrist esan romh neart an t-slòigh, Fo fhraoch mòr le sleagh nan ruinn; Thug purradh gu Venus òir, Romh ’n bhrat sgàil bu bhoidhche loinn. Stroic e le throm ghath gu dàn’, Falluinn neo-bhàsmhor nan speur, A dh’ fhigh na tri chiadan àigh Le obair a b’ àillidh gréis. Dhochainn e bhan-dia mu’n ghlaic, ’S an làimh mhìn bu shneachd-gheal tuar: Bhruchd an leann soilleir le ’lian, Fuil neamhaidh nan dia bith-bhuan. Chìt’ an deargan craobhach, luath, A’ taosgadh a nuas bho’n bheum, An sruth gun truailleadh, gun ghrùid, Nach sil bith d’ an dlùth an t-eug: Cruithneachd daonda cha b’ e ’n lòn, Fion-buairidh cha ’n òl na de; Bhrigh sin cha d’fhàs gaoid ’s an t-slògh, Ach mairidh iad beò gach ré. Theich a’ bhan-dia le fann-sgiamh, Thuit a mac a sìos air lar; Sgaoil Appollo dall-cheo donn, ’S ghleidh e ’n sonn bho lot a’ bhàis. Mhosgail Diomed le éubh àrd, ’S thilg air Venus àluinn spìd:— Teich, a bhan-dia, teich gun dàil, ’S olc thig blàr ri làimh gun chlìth. Thoir ort a mhealladh bhan òg, ’S ghiullan gòrach le gloir bhaoth; Na faicear a chaoidh nan cian, ’S ogluich romh ainm gnìomh nan laoch. Theich ise fo iomrall-céill’, Dorran cleibh a’s pein’ ’g a cràdh: Ghrad-thuirling Iris nam braon, ’S stiuir, a thaobh, i mach bho’n bhlàr. Chuir guin an loit e gu pràmh, ’S a chruth àluinn chaill a shnuagh, Fhuair i Màrs fuilteach nan euchd, Mu ’n làimh chlì bho streup an t-sluaigh. Faisg air bha na srann-eich luath, ’S an t-sleagh uaibhreach am bad ceò; Ghlac ise ’brathair air ghlun, ’S dh’ iarr cruibh-eich nan srian òir. Grìosaim ort a bhràthair fhéil, Deònaich coinghioll de steud luath, [TD 140] ’S gu’n ruiginn Olimpus àrd, Comhnaidh ghràidh nan dia bith-bhuan. Faic mar fhuair mi leon gu searbh, Bho neach talmhaidh d’ an dual eug, Greugach tha cho dán ’s an strith, ’S nach seachnadh e righ nan speur. Labhair i ’s thug Mars ’n a coir Na steudan a b’ òrbhuidh srian; Shuidh i ’n carbad bu ghlan lìth, Deoir le ’suil ’s a crìdh’ fo phian. Làmh rith’ shuidh Iris nam braon, ’S an t-srian luachmhor ’n a caoin dhorn; Bhuail i ’s chaidh na h-eich ’n an leum. Ràinig iad talla nan dia, Beinn Olimpuis nan ciar cheann; Stad Iris nam bogha tlàth Na seang-eich a b’ àirde srann. ’N uair dh’ fhuasgil i ’n carbad grinn; Thilg i rompa ’n innlinn bhuan; ’S dh’ imich ban-dia chiuin nan gràdh, Null gu ’màthair fo gheur ghruaim. Ghabh is’ a nighean ’n a glaic, ’S chniadaich i le ’basaibh min; Dh’ fhiosraich i ’s na briathran blàth, Ciod an cràdh a dh’ fhàisg a cridh’. Co so bhuin riut, inghean ghaoil, An dia rinn gu baoth do leòn? Fhreagair Venus nan cruth caoin, ’S mar ri ’briathran thaosg na deoir: Innsim, a mhàthair mo rùin, Cha dia thug an ionnsuidh bhorb. AONACHD A’ CHINNE-DHAONNA: NO, AR CIAD SINNSIREAN—CO IAD?* AR Ciad Sinnsirean—co iad? “Adhamh agus Eubha, gun teagamh,” thar leam gu bheil mi cluinntinn aon-eigin ag radh; “am faca tu riabh, no an cuala tu iomradh air Gaidheal sam bith a chuir briathran soilleir a’ Bhiobuil ann an teagamh mu ’n chuis; an do thachair Gaidheal riabh ort a bha a’ cur an ag gu ’m b’ e Adhamh priomh-athair a’ chinne-dhaonna gu leir? Nach ’eil e air innseadh dhuinn ann an cainnt so-thuigsinn agus nach gabh cur a thaobh, gu ’m b’ e Adhamh a’ chiad duine: gu ’m b’ i Eubha a bhean; *A Gaelic lecture delivered under the auspices of the Glasgow Gaelic Mission. This circumstance accounts for any special references in the present or subsequent instalments. ’s gu ’n d’ thugadh so mar ainm oirre a chionn gu ’m b’ i ‘Mathair nan uile bheo’?” Cha ’n ’eil fhios agamsa an do thachair riabh orm Gaidheal nach robh a’ toirt lan gheill do theagasg nan Sgriobtur, no ’bha air chor sam bith amharusach am b’ e Adhamh a b’ athair do ’n chinne-daonna gu h-iomlan; ach is duine gun chluasan, gun suilean, am fear ’n ar latha-ne nach ’eil a’ cluinntinn ’s a’ faicinn gu bheil iad ann moran theallsanach agus dhaoine foghluimte a tha ’cumail a mach agus a’ deanamh an dichill a dhearbhadh dhuinn nach ann idir mar tha sinn a’ cleachdainn a bhi ’creidsinn a thachair cuisean—nach ’eil sinn ri lan chreideas a thoirt do na leughas sinn ged a b’ ann ’s an Sgriobtur fein a leughamaid e. Tha moran eile ann, agus, ged tha iad ag aideachadh gu ’m buin gach duine, dubh agus geal, dearg agus donn, do ’n aon ghineal, agus gu ’m b’ e Adhamh a b’ athair dhaibh gu leir, air a shon so uile, bidh iad a’ deanamh dìmeas agus taire air an co-chreutairean borba, agus a’ gnathachadh gu neo-iomchuidh muinntir a dh’ fhaodas a bhi air dheireadh orra fein ann an eolas, no theagamh a reir am beachdan uaibhreach-san, ann an dreach agus ann an coltas. Bidh iad ag radh umpa mar thuirt Donnachadh Ban mu ’n Tailleir,— “Ma ’s ann de shliochd Adhamh thu, Cha choltach ri càch thu.” Ma chi sinn m’ an sguir sinn gu bheil muinntir a bhios mar so a’ mi-ghnathachadh an co-dhaoine, ceart gu leoir ann an aideachadh gu ’m buin an cinne-daonna gu leir do ’n aon fhreumh, gu bheil iad fada am mearachd ’n an cleachdadh; ged nach dean sinn ach an teachd-gearr agus an dleasnas a chomharrachadh dhaibh cha bhi ar saothair gu buileach ann an diomhanas. [TD 141] A bharr air eolas a bhi againn air Dia agus air a thoil, cha ’n ’eil cuspair ann is freagarraiche dhuinn, no eolas is buannachdmhoire agus is taitniche, na eolas air ar co-dhaoine air feadh an t-saoghail. Co dhiubh a bheachdaicheas sinn air an duine a thaobh dealbh agus deanamh a chuirp—buaidhean ’inntinn—a chor spioradail—an daimh anns am bheil e a’ seasamh ri a cho-dhaoine—an daimh mar an ceudna anns am bheil e a’ co-sheasamh do na h-ainmhidhean agus na creutairean gun reusan, gun tuigse a tha fo ’churam—na caochlaidhean coltais agus gnè, araon ann an cumadh, ann an dath, agus ann an suidheachadh-inntinn a’ chinne-dhaonna; ge b’e air bith doigh anns am beachdaich sinn air an duine, chi sinn gur cuspair e a tha gu h-àraidh airidh air ar n-aire, agus a gheobh sinn lan foghluim agus buannachd. An da chuid ann an dealbh ar cuirp agus ann an suidheachadh ar n-inntinn, is fior mar thuirt an Salmadair d’ ar taobh,—“Is uamhasach, iongantach a dhealbhadh sinn!” Tha an eugsamhlachd neo-chriochnach a chi sinn ann an oibrichean a’ Chruithfhir gu h-iomlan, a’ cheart cho comharraichte r’ am faicinn air a’ chinne-daonna; faodaidh sinn a radh, gun eagal àicheidh, nach faighear am measg nam miltean ’s nam muilleanan sluaigh a tha ag àiteachadh an domhain uile, dà dhuine a tha gu buileach coltach r’ a cheile. Tha daoine agus fineachan fa leth cho eadar-dhealaichte bho cheile ann am meud agus deanamh am pearsa, ann an dath an craicinn, ann am beusan, ann am cainnt, agus ann am buaidhean-inntinn, ’s gu ’m feum gu ’n robh e ’n a ioghnadh ro mhor dhaibhsan a bha ’beachdachadh air a’ chùis anns na linntean a chaidh seachad—oir cha ’n ’eil an uine ro fhada o ’n thoisich daoine foghluimte air an aire a stiuradh air mhodh sonraichte a dh-ionnsaidh na cùise, agus a dh’ oidhirpich iad air mineachadh a thoirt duinn mu phriomh-aobharan an eadar-dhealachaidh a tha ri ’fhaicinn air feadh nam fineachan fa leth a tha deanamh suas sluagh mor an domhain. Cha ’n ’eil muinntir ann is toighiche agus is teoma na na Gaidheil air a bhi ’coimeas dhaoine r’a chéile agus a’ lorgachadh a mach a’ choltais a tha r’ a chomharrachadh am bitheantas eadar clann agus am parantan ’s an sinnsearan fad iomadh ginealaich air ais. B’ abhaist do na seana Ghaidheil—agus tha cuid diubh math air fhathast—gu ’n rachadh aca air sloinnteireachd a cheile ’aithris air a h-ais fad mhoran ghinealach. Chluinneadh duine iomadh uair rann aca air a leithid so,—“Donull, mac Iain, mhic Alasdair, mhic Dhonuill, mhic Eobhain, mhic Iain-duibh, mhic Iain, mhic Ailein,” ’s mar sin air aghaidh; agus nach minic a gheobh sinn gus an latha ’n diugh daoine air an ainmeachadh rud-eigin mar so,—“Tearlach Dhonnachaidh Thearlaich,” no “Cailein Iain Mhic Ailein.” Cha b’ urrainnear barr a thoirt air na seana Ghaidheil ann an aithneachadh cloinne air achd na dream a chaidh romhpa; am fear aig nach biodh “suilean dubha a shìnn-seana-mhathar,” bhiodh aige “falt a shean-athar,” no “sron chrom muinntir nan gleann” d’ am buineadh a mhathair. Uime sin, agus do bhrigh gu bheil an rannsachadh agus an t-eolas ann fein taitneach agus buannachd-mhor do gach duine a leagas ’inntinn ris, mheas mi nach biodh e mi-fhreagarrach do Ghaidheil mar tha sinne ann gu ’n seallamaid, cha ’n ann air teaghlach an duine so, no air sliochd an fhir so eile, ach air teaghlach mor an domhain uile; gu ’n rannsaicheamaid agus gu ’n [TD 142] lorgaicheamaid fheuch am bheil de choltas aig na fineachan fa leth ri cheile—a dh-aindeoin cho neo-choltach ’s a tha iad—’s a bheir barrantas dhuinn a cho-dhunadh gur h-e a tha anns a’ chinne-daonna gu leir, sliochd aon duine, agus gur braithrean agus peathraichean sluagh an t-saoghail gu h-iomlan; no air an laimh eile, am feum sinn ’aideachadh gu bheil eadar-dhealachadh cho mor agus cho do-réiteachadh eadar cuid a dh-fhineachan ’s nach ’eil dol ás againn bho bhi ’striochdadh do bharail na muinntir sin a tha ’teagasg gu ’n do chruthaicheadh air tùs tuilleadh ’s aon duine, agus gu ’n robh Adhamh dha fein aig gach gineal mor anns am faodteadh an cinne-daonna a roinn—priomh-athair dubh, no geal, no grìs-fhionn, a reir mar tha dath, a’s cruth, a’s nadur an t-sliochd a thainig uaith? Tha beachd agam air seann sgeulachd a b’ abhaist a bhi ’g a h-aithris ann an cuid a chearnan d’ an Ghaidhealtachd mu dha bhrathair a thog orra air an aon latha, ’s a dh’ fhag tigh an athar, ’s a thug an saoghal mu ’n cluasan, a dh’ fheuchainn cia mar shoirbhicheadh leo. Chaidh fear dhiubh aon rathad agus am fear eile rathad eile. An deigh daibh a bhi uine mhor air falbh, agus iad le cheile air beairteas a dheanamh, tha e coltach gu ’n do bhuail e an ceann an da bhrathar aig an aon am gu ’n tilleadh iad air an ais d’ an duthaich fein a rithist; thog iad orra le ’n sliochd ’s le ’n cuid spreidh; agus a reir na h-eachdraidh, bha deich fir fhichead de shliochd aig gach fear dhiubh. Ge b’ e ciod am fortan no am mi-fhortan a bha ’g an stiuireadh, thachair an da bhuidheann air a cheile ann an gleann aig bun cnuic ris an abrar, ma ’s math mo bheachd, Sliabh-an-tuim, ann an Craignis. Bha ghrian air dol fodha agus am feasgar air claonadh air a leithid de dhoigh ’s ma chunnaic an da sheann duine a cheile nach d’ aithnich an darna brathair am brathair eile. Shuidh an dà chuideachd a leigeil an sgios agus a ghabhail greim bidh—sliochd an darna fir crioman beag a suas am bruthach, agus cach aig iochdar a’ ghlinne. Tha e coltach gu ’n do thilg fear de ’n fheadhain a bha gu h-ard rud-eigin a nuas orrasan a bha gu h-iosal, aon chuid d’a dheoin no gun fhios, no gu ’n d’thug e aobhar faoin air chor-eigin daibh a smaoineachadh gu ’n robh iad a’ deanamh tair orra, agus ciod a bha air no dheth ach gu ’n d’ eirich na feara; ruisg iad an claidheamhan ’s am badaibh a cheile ghabh iad “gun fhios co bu Chalum.” Is e bu deireadh do ’n chomhstri nach d’ fhagadh duine beo de na bha ’n sin ach an da sheann duine. An uair a chunnaic iad an sgrios a rinneadh am measg an cuid cloinne, mheas iad gu ’n robh an t-am sgur; shuidh iad air cnocan agus thoisich iad air feoraich mu eachdraidh cach a cheile, an uair, ciod a b’ iongantaiche leo ’fhaicinn na gu ’m b’iadsan an da bhrathair a dhealaich bho chionn uine cho fhada. Ma bha seorsa toileachaidh aca a cheile ’choinneachadh, bha mulad gu leoir orra bhi faicinn an leir-sgrios a thug an gòraich ’s am braisead air an tri fichead oigeir a bha ’n an laidhe gun chlì aig an casan. Riabh uaith sin theirear “Sliochd an tri-fichead burraidh” ris an fhine ghaidhealach a tha ’giulan an aon ainme riutha—na ’n innsinn co iad cha ’n ’eil fhios a’m nach cuirinn miothlachd air Cloinn-Chalum! Tha mi an dochas nach bi sinne a’ toirt oirnn fein a’ cheart dìtidh ris an da bhrathair so agus an sliochd, le bhi a mi-ghnathachadh ar co-dhaoine ’s a’ deanamh tair agus foirneart orrasan a dh’ fheudas a bhi eadar-dhealaichte [TD 143] uainn ann an aogas, no air dheireadh oirnn ann am foghlum—a’ di-chuimhneachadh, theagamh gur braithrean iad fein agus sinne; sliochd an aon duine. Tha an t-eadar-phosadh agus am measgachadh gun chrich a gheobh sinn feadh theaghlaichean agus feadh threubhan an t-saoghail ’g a fhagail ’n a nì ro-dheacair agus ro-dhuilich an cinne-daonna a roinn ’n an earrannan eadar-dhealaichte, agus cearcal a chur m’ an cuart air gach buidhinn diubh a tha gu soilleir a’ taisbeanadh chomharan aon chuid ’n an cuirp no ’n an inntinnean a tha ’g an cur air leth bho mhuinntir eile; uime sin tha dealachadh barail nach beag am measg dhaoine foghluimte iad fein mu co mheud buidheann anns am faodteadh sluagh an domhain a roinn. Their cuid gu ’m bu choir an roinn a reir nan duthchannan fa leth a tha iad ag àiteachadh; their muinntir eile nach biodh an seol roinn so aon chuid freagarrach no cothromach, agus gur ann a bu choir an roinn a reir nan comharan sonraichte a gheobhar orra fein, ’s cha ’n ann a reir gàraidhnean-crìche nan duthchannan ’s nan eileanan anns am bheil iad a chomhnuidh. Is i an doigh roinn a tha a nis gu h-àraidh air gabhail rithe am measg dhaoine foghluimte, an doigh sin a tha a’ sgoltadh a’ chinne-daonna ’n a choig earrannan, a reir dath a’ chraicinn agus nan sùl—gnè an fhuilt—dealbh na gnuise—agus gu sonraichte cumadh a’ chlaiginn. Is iad ainmean nan coig buidhnean anns an do roinneadh an cinne-daonna mar so,—na Caucasianaich, na Mongolianaich, na h-Americanaich, na h-Etiopianaich, agus na Malayanaich. Bho ’n is e dath a’ chraicinn comharradh is so-fhaicinn duinne, dh’ fhaodamaid a radh gu coitchionn gu bheil an craiceann aig na Caucasianaich, geal; na Mongolianaich, buidhe; na h-Americanaich, dearg; na h-Etiopianaich, dubh; agus na Malayanaich, donn. Cha ’n ’eil fhios agam co dhiubh a chi sinn gu bheil an sean-fhacal a bha aig ar sinnsirean fior mu shluagh an t-saoghail ach cha mhinic a gheobhar cearr iad; agus, ged theagamh a dh’ eignicheas sinn an sean-fhacal a thaobh a fhreagarrachd ris na roinnean fa leth a rinn sinn air luchd-àiteachaidh an t-saoghail, cha ’n ’eil suil sam bith agam gu ’m breugnaich sinn e a thaobh dhaoine fa leth ’n ar measg fein. Is e an sean-fhacal a tha mi a’ ciallachadh am fear sin a tha ag radh,— “Bidh fear dubh dàna, ’S fear bàn, bleideil; Fear donn, dualach, ’S fear ruadh, sgeigeil.” IAIN MACILLEBHAIN. (Ri leantainn.) AONGHUS NAN AOIREAN.* FEAR GHLINN-LIOBHANN. Ma ’s tu Dunnachadh ruadh na féile, Is fhad a bheir mi fhain ort cliù; Na ’n tionndadh ar dà chùl ri chéile, ’S mi tha gun léine ’s cha tu. An uair a chuala Dunnachadh ruadh so, tilgear dh’e a léine ’s thugar dha i, an sin thuir Aonghus?— Molaim O’Neil ’n a theach, ’S gach aon neach ’n a ionad fhéin; Ach cha choimeasaim duine ’n t-sluagh, Ri Dunnachadh ruadh ach e fhéin. ALASTAIR NAN CLEAS. Gheabhteadh sid an tigh-na Ceapaich, As an leth-chart, Fichead breacag stòil, Agus còrr, agus còrr. *“‘Angus nan aoirean’ possessed an estate in Ireland, which was forfeited in Queen Elizabeth’s reign. This change in his circumstances soured his temper, and made him commence bard, or rather lampooner. He never afterwards was known to have said good of any person, except the laird of Glenylon.”—M‘Nicol’s MSS. [TD 144] Claidheamh meirgeach an làimh gach seirgnich, Dol an seilbh droch ghleòis. Is dubh an glùinean, ’s geal an sùilean, A’ ghort gu ’n dhuin am beòil. Shuidheadh iad air tom-buidhe na Rianaich, Sheinneadh iad port biurnalais: Riongam, rongam Fear Bhoth-Fhionntain MAC-DHUGHAILL NA GALLANAICH. Ge math a’ Ghallanach fhein, Ge lionar a feur ’s a gart, Cha robh aon duin’ innte riabh Dhùraigeadh am biadh dh’ a mhac. MAC-LEOID. Mac-Leoid gun leum, gun rotach; A sheoid air cliar gur ceilteach; Is tric a shùil ri siltich, An cripleach, gann, cruaidh, gortach. (Freagairt Mhic-Leoid) Friamh thu ’n fhèarna mhosgain, Am bàrd bréun ascaoin, Sìol nan déirceach ’s taine trusgan Am fìor-losgunn de’n àl-phrasgain. MAC-NEILL BHARRAIDH. Tigh Mhic-Neill air nach gabhteadh foill, Gun damh-sraoine agus trì druill, Còmhla mhath dhaingean chrann, Geinn agus gille ri ’druim. FEAR BHAIL’-EACHAINN. Gheabhteadh am Bail’-Eachainn so shìos, Leann tana gun bhrigh, gun bhlas; Im air a ghlanadh le spàin, ’S càise ’n déis a naire thoirt as. EARRAGHAIDHEAL. Earraghaidheal loisgeach, lom, Tir nan daoine gortach, gann; Teine fiodhraich ri dà cheann, Mu’n teid mi rithist a null. DUNSTAINNIS. Bheireadh fithich, ghearra, dhubha ’n dùin, Mionach mo dha shùl a mach. CREAG AN-TAIRBH. Tiobartaich am baile gann, ’S Carnasairidh nam beannan fuar; Ceathrar bhodach Chreag-an-tairbh, Guma liutha mairbh no bèo. GLEANNA-COMHANN. Gleann gun chaisteal, gun tùr, Gun fhasdail, gun tulaich ghuirm: Gleann ris ’n do chuir pailteas cùl, Amar m—n an D—l mhoir. BAINTIGHEARNA MHIC-MHIC IAIN. Chunnacas ’n a suidhe an cathair àird chais, Nead na h-iolaire dùbh-ghlais’, Rionnach de mhnaoi fhiadhaich àird, Gun de bhiadh na bheathaicheadh aon bhàrd DUTHAICH CHLANNDONUILL. Ceann loch-nan-uamh’, ’S ceann loch-Cathronn, ’S ceann loch-Ailleart nan clach liath; ’S mairg a bheireadh a lòn air ainnis Anns an ròd nior bheannaich Dia. MAC-DHUGHAILL DHUN-OLLA. Dùn a’s éidheann air éudann,— Dùn gun fhéile, gun onair; ’N uair theid mi rithist do Dhùn-Olla, Bidh mo bhiadh air mo dhronnaig. Am beil Tighearna Chill-duinn aig baile,— Am fear a theireadh ’steek the door? Mile mollachd na cléire, Chur as da fhein ’s do Dhùn-Olla. B’ fhearr leam gu’m bitheadh Dun-Olla, Air a phronnadh le ord-cèardaich; A’s caisteal nan gasil (?) an toiseach, ’N a chlosaich os cionn Chearnburg. GLEANN-FAOCHAIN. Tigh Mhic-Dhunnachaidh Ghlinn-Faochain, ’S tigh a’ bharain taobh ri taobh; Sgrios Dhia air na gearra-ghobaich, Dh’ fhàs gu gann, cruaidh, gortach, daor. Chaidh mi dh’ iarraidh, ’s cha b’i chòir, Fialachd ’s a’ chill eucoraich; Fhad ’s a bhios Dia ’n a Theach, Na iarr biadh air Faochanach. LATHURN. Lathurna cabhanach, cnocadach, fraochach, Lathurna farmadach, gortach, ’s e craosach; Chaillear de ’n ghorta gach posta g’ an taobh e, Bhrist iad a casan aig ceann Locha-Faochain. AIRD-NAM-MURCHAN. Dùn àluinn a’ bhidh bhig, Aig an Uaineartach mhór bhreimneach; Caisteal mu’n ganntairich deoch, Anns an eilein aig Sir Siadmhor. GLEANN-NIBHEIS. Gleann-Nibheis, gleann nan con, Gleann ’s am bi ’n gart anmoch; Gleann fada, fiadhaich, fàs, Aig sluagh bradach a’ mhì-ghnàis. Ma theid thu chill-Nineain suas Air feadh gleann cruaidh nan clach, Mar sid a’s Peadar a nuas, Mac-naomh cha’n fhaigheadh ann deoch. [TD 145] DUNNACHADH DUBH A’ CHURRAIC. Dunnachadh Dubh, an caibheineach Air an d’ fhàs a’ bhraing; Gur coltach ri boc maoislich e, ’S currachd gaoisid air a cheann. TRIATH GHART. Gheobhteadh sid aig fear Ghart, Brusgartaich bhìdh agus dibhe; Ach b’e aon chab-a’-ch-c an domhain, Mu lothainn chon agus mu sgithinn. AIRD’-GHOBHAR. Ma theid thu dh’ Aird-Ghobhar a nùll Na taghail s a’ Chùil no ’s a’ Chill; No ’n Ionar-sannda nan creag ’S tha Salchan air bheag bidh. Aird’ Ghobhar ’s am bi ’n ganntar, Dh’ ichteadh na gobhair mu’m feannt’ iad, Caillear do ’n ghort air aon tom, A’ bhuidheann is gortaich’ pranntar. MAC-MHIC EOBHAINN ’S MAC-MHIC EACHAINN AIR AN AON SGEIR. Cha d’ thugainn Mac-mhic-Eobhain d’e, ’S dh’ fhàgainn Mac-Mhic-Eachainn air. MAC-CORCADAIL. Gheobhteadh sid an Creag-an-aonaidh, Gobhair odhar, bhailgionn, bhreac; Ged a gheobhainn sluagh na h-Eorpa, Leiginn Mac-Corcadail as. Carson? chionn nach b’ fhiù e bhi ris— As, as, as, as gu bràch am bramanach! FEAR AIRD-CHONGHLAIS. An uair a chuala an duine uasal so mu ’n éisg a thaghail aige, chuir e fios air ’s thug e cliabh fhaochag dha, agus dealg gu ’n ithe leithe. ’S caol ur sgionan ri àm longaidh, Rùisg ur bidh, cha’n ith na coin; ’S fada mo dha shùil siar ’g a sheamadh, Mu’n bhiadh nach cuis dhianadh dhomh. Bho’ n nach ’eil biatachd ad theach, Eoin Riabhaich Mhic-Cailein, Lamh dh’ iomairt nan arm clis; Is beag is misde làmh na féile, Mise chantainn nam breug ris. MAC MHIC EOBHAIN. Ràinig mi geata ’n tigh-mhòir, Teaghlach lom air bheagan bidh; Thachair orm an gille crom— Sileadh ronn le bhlad a sios. Dh’ fharraid e gu fiadhaich borb, Cia ’n taobh thàinig thu oirnn do’n tir? Cha ’n ’eil Mac-Mhic-Eobhain ach bochd, ’S cha ’n fhaigh thu a nochd mir bidh. E fhein mar fhaoilinn air sgrial, ’S a bhean mar phitheid air gàradh; ’S fhèarr coiteir aig Mac-Mhic-Iain, Na tighearnas Chinn-Ghèarrloch. Dh’ fhalbh a mhac turus agus cuirear deise-Ghàidhealach air prasgan Eirionnach, an dùil gu’n d’ thugadh e chreidsinn air Aonghus gu’m bu Ghàidhil iad; ach thuirt Aonghus:— ’S fhad an caomh bho fhearaibh Alba, An Eirinn a rugadh iad, Na gearra-bhalaich bho’n bhord Shlignich Cha’n Albannaich idir iad. A BHRIATHRAN DEIREANNACH. Ciad b—— fo Shìol Adhaimh uile, Gun dearmad air aon duine; Na’n tugainn duine idir ’as, B’e Siosalach fial Shrath-Ghlais, Cha mhath ’s cha’n olc! MURCHADH MAC BHRIAN. AN sin do ghabhadar léineag shithe, shèimh shròil de ’n t-sìoda bhuidhe bho ’n deilg ghréist’ an teannta ri gheal-chneas. Do iathas mu ’n léineig ud an coitein caomha, cuanta, ceos-bhlàth, baobha, cros-mhor, comharraichte, suainmhor, srol-dearg, sìoda air uachdar na h-òr-léineige sin. Do iathas mu ’n choitein sin an sgabull fighe fiondeirgin, orchum, cèarnach, cainnleireach, farsuinn, caomhghorm, clach corragham, air a chòmhdach clach-coramhogaill, fuaim cneas da chudrom, air taobh an treun sgabuill, is eadh, mu’n chlet-taobh uchd agus aon-bhreth. Do iathas mu ’n sgabull sin an lùireach shìthe, threun, amlach, thorunn, ghléusta, gharbh, ghabhalach, fhada, aotrom, uileannach, fharsainn, leoghar Lochlunnach, gun fhèantas, gun fhòtus, gun fheabhas-fhòtus, air uachdar an treun sgabuill sin. Do iathas mu ’n lùirich sin dà chrios amlach, an òr litir, daingeann, duillich deagh-mhaiseach, suamhain, clàr-leathann an aogasg samhuilte don amhailte, ballach breac-chlàr buadh, air a chomhdach gu cèard- [TD 146] amhuil de chlacha buadhacha breac mhaiseach, as a’ chath-chrios cho-uchdach, gu dion cneas a chath-mhilidh as na cathaibh créuchd-mhor. Anns a’ chrios sin do chuirteadh a chlaidheamh clais-leathan, co-shìnteach, fior chruaidh, sgaiteach, gorm sholuis baobha, béum-chèarnach, bleitheach, uasal, an t-ealt-chlaidheamh, aluinn, òrlitreach, de’n ghoineachd ghlan, ghorm-sholuis, nuadh, àluinn, aon dòrnuist. Or-thruaill ’g a uime-dhìdinn, air taobh cli an treun-chuiridh an aghaidh na h-iorrghaill ’s gach iorrghail ’g a iomain. Air sin do ghabhar dh’ i sgiath dhonn dhualach, aon dualach da ghualainn dha thaobh sleagh chudrom, chòrr-fharsainn, le siamain òir ’s le fairistibh airgid. An sin do ghabhar a chath-bharra chudromach, chneas-bhuadhach, chlach codaidh do ’m bu cho-ainn clogaid anns an t-seana Ghàilig. An sin do dh-uidheamaicheadh each dha do ’m b’ ainm Gorm-steud, gasda, gnìomh-ealamh, mìn farasda falt-leoghar, uaibhreach, foillseach, iombathach, toiniceach, tos-luath, torrunn-mhor muingeach, meanmnach, mòr-chridheach, sùilghorm, seang-àrd, seòcail, fallain, feòlmhor, faidreach, an eangasg orshrian, sitir-bhlar, do mharcaicheadh trid nam ballaichean cho math ’s a mharcaicheadh e machair mhìn, sgiamhach! EOINEACHAN DUBH. Bha duine de mhuinntir Ghlinn-Seile—Alastair mac Gillechriost a b’ ainm dha—agus phòs e té a bhuineadh do Theaghlach Mhic-Mhic-Alastair ris an abradh iad ‘Mairghread nighean Iain ruaidh.” Bha aig a’ chàraid so seachdnar mhac agus aon nighean, agus, ma ’s fhìor, is ann bho ’n t-seachdnar so a thàinig an drèam sin de Chloim Mhic-Rath ris an abrar “Clann Alastair.” B’ iad ainmeannan dithis de na mic so “Eoineachan Dubh,” agus “Dunnachadh Mor.” Cha robh an Eoineachan ach duine beag, ach bha nadur ro chrosta ann; agus bha Dunnachadh ’n a cheatharnach mor foghainteach, tapaidh—cho tapaidh ’s nach robh a leithid eadar da chloich na dùthcha. Mar dhearbhadh air a thapachd, faodaidh mi innseadh ’s an dol seachad, gu ’m beil clach ann an Achadh-nan-gart, an Gleann-Seile, ris an abrar “Clach-a’-chlamhain”—clach nach togadh coignear dhaoine. A’ chlach so thug Dunnachadh mor a bhàn air a ghàirdein á càrn a tha os a cionn, a thuilleadh air a bhreacan agus a ghunna, agus chuir e an ursainn geat i ann an dig. Bhiodh aig an am ud na Sàilich a’ dol a Bhrathainn a phaidheadh a’ mhàil do Mhac-Coinnich; agus bha e mar chleachdadh aig Mac-Coinnich a bhi toirt dinnearach comhla ris fhein do ’n chuid bu bheairtiche de na tuathanaich. Bha Eoineachan air an fheadhain bu mhurraiche dhiubh, agus turus a chaidh e phàidheadh a mhàil thug e leis á Cinntàile mulchag chàise fo ’achlais. Bha fhios aige gu ’n rachadh e thun a’ bhùird; agus, ma ta, an uair a shuidh iad aig am biadh, a h-uile onoir a gheobhadh Eoineachan, ’s an uair a thaitneadh rud sa bith ris air leth, bheireadh e pòg do ’n mhulchaig a bh’ aige fo ’achlais. Dh’ fhaighnich Mac-Coinnich dh’ e ciod a bha e dianamh mar sid. Thuirt Eoineachan gu’n robh e ’toirt urraim do ’n mhulchaig—gur h-i thug an sid e—gu’n robh ceatharnach a mach nach robh ann an àite riabh nach gleidheadh e ball-airm dha fhein. Dh’ iarr an sin Mac-Coinnich air an luchd-fhrithealaidh rùm àraidh [TD 147] a réiteachadh, agus gun ni fhàgail ann air an cuireadh duine a làmh, los nach biodh dòigh aig a’ cheatharnach a bha mach air ball-airm fhaotainn da fhein mar a thuirt Eoineachan. Thugadh an sin a stigh do ’n rùm fhalamh so na daoine bha mach, “Agus,” arsa Mac-Coinnich, “C’ è nis, Eoineachain, an ceatharnach nach robh an àite riabh anns nach fhaigheadh e ball-airm dha fhein?” “Sid e,” ars’ Eoineachain ’s e tomhadh a’ chorraige ri Dunnachadh mor. “An ann mar so a thà,” arsa Dunnachadh mór, ’s e sealltainn ceithir-thimchioll da. Thug e ’n sin an aire do mhial-chu a bha ’n cois Mhic-Coinnich, agus cha ’n fhaca e ni a b’ iomchuidhe na breith air dha chois-deiridh air, ’s a tharrainn bho chùl a chluaise agus Mac-Coinnich a bhualadh leis an cùl nan easgaidean, air chor ’s gu ’n do thuit e air an ùrlar. Thachair mar so mar thuirt Eoineachan, gu ’n d’ fhuair Dunnachadh mor ball-airm dha fhein. Chaidh Dunnachadh a mharbhadh là Sliabh-an-t-siorra. BAN-SAILEACH. SOP AS GACH SEID. Gug-gùg, ars’ a’ chuthag, latha buidhe Beallttainn. Bi gu geimnidh moch-eirgheach ’s ant-samhradh. A’ CHAILLEACH Bi “chailleach” druineach a bha fiachainn ris an fhiar a chumail gun fhàs deireadh earraich chruaidh a thàinig. Tra a dh’ fhairtlich oirre, thuirt i:— Dh’ fhàg e thall mi, Dh’ fhàg e bhos mi, Dh’ fhàg e eadar mo dhà bhois mi: Tilgeam an slachdan am bun na craoibh-cuilinn Far nach cinn fiar no duilleach. Bean fhada, chaol, direach, miann Dhònuill amadain. AN GAD. Gad geal geamhraidh, ’S gad riabhach samhraidh. Bean g’ a bhuain, dall g’ a mheangadh, ’s cuiridh g’ a shniomh; ’s figh an reamhar air a’ chaol, ma ’s math leat an taod a bhi buan. AM BUAIN A’ GHOID. Reith a’ mhinnein, ’S breith a’ mhinnein. COMHAIRLE ’N T-SEASGANAICH. Na pos a’s t-fhoghar, ’S dian faighidinn ’s a’ gheamhradh; Bidh tu cabhagach a’s t-earrach, ’S bidh goinne air aran a’s t-samhradh. Thoir bean á ifrinn, ’s bheir i rithist ann thu. “A Pheairtag robach,” arsa Mac-Neill, turus a bha e am Peairt, “ma chuir thusa mis’ á airgiod, chuir mis’ thus’ á fion!” Bha fear ann roimhe so a thug beagan airgid an iasad do’n droighean-donn. Thainig na timeannan cruaidh air an droighean, agus le miad na muirichinn, cha b’ urraim da “an fheill a chumail air a latha,” agus b’ eudar do ’n duine dol a dh-iarraidh an ainfhich. Ràinig e ’s fhuair e ’n droighean ’s a dha mhac dhiag ’s an t-sabhal, agus sùrd aca air bualadh. Bha iad uile cho ro choltach ri chéile ’s nach aithnicheadh e an seann fhear; ach, ars esan a chur diachainn air: “Is fhurasda buille an t-seann laoich aithneachadh”—“Bha là dha sin,” ars’ an seann droighean, ’g a bhrath fhein. Bho so thainig an seanfhacal “Bha là dha sin.” AITE SAN TIGH-OSDA. Bha ministeir an Glascho, a bha gle dhian an aghaidh an òil, a’ teagasg la bho ’n dara caibideil de Lucas, mu bhreith an t-Slànuighear. ’Nuair a ràinig e na focaill ud, “do bhrigh uach robh aite dhoibh ’s an tigh-òsda,” thubhairt e, “Mo chàirdean, tha mi ’m barail gu bheil an t-àite cho gann Dha-san anns an tigh cheudna an dingh, ’s a bha e ’n oidhche ’thainig E dha ’n t-saoghal.” Uair eile, thubhairt a ministeir ceudna gu’n robh feadhain ann cho mi-nàrach ’s gu’n deanadh iad uaill ’n an comas gu dibh a ghiulan. “B’ fhearr,” ars esan, “a thigeadh a leithid sin de bhòsd á beul eich fir-togalach.” AM MINISTEIR ’S AM MARCAICH. Bha sean mhinisteir air la gaillinn a’ dol air thurus air muin eich, agus cleòca mòr camlait uime. Air an rathad thachair e [TD 148] air marcaich spaideil, a’ tighinn ’n a choinneamh air muin capuill mheanmnaich, a thug leum ri taobh an rathaid còmh-luath ’s a chual’ i crathadh a’ chleòca mhòir, mar gu ’m b’e seòl toisich luinge anns a’ ghaoith. “Marbhaisg ort;” ars am marcaich, “Chuireadh an cleòca ud agad clisgeadh air an Aibhistear! “Ma ta,” ars an duine math, “’s e sin direach mo chèaird.” AN T-EILDEIR AGUS NA H-OILEANAICH. Bha eildeir àraidh anns an àirde-niar, a bha ainmeil air beurradaireachd is deas-chainnt. Chaidh triuir oileanach òg bheadaidh á Glascho a choimhead air, feuch am faigheadh iad beagan spòrs as. ’N uair a ràinig iad faisg air, chuir a cheud fhear fàilt air, “Seadh, Athair, Abrahaim, cia mar tha thu ’n diugh?” “Tha thu cearr,” ars an dara fear, “’s e tha ’so Athair Isaac.” “H-ud!” ars an treas fear, “tha sibh le chéile ’mearachd, is e tha ’so sean athair Iacob.” Sheall a’ foirfeach gu geur air an triuir ghillean, ’s ars esan, “Tha sibh uile cearr; cha mhi Abraham, no Isaac, no Iacob; ach ’s mi Saul, mac Chis, a’ sireadh asail athar, agus feuch, fhuair mi tri dhiubh!” AN T-IARLA ’S AN T-AMADAN. Bha amadan latha a’ gabhail ceum athghearr troimh fhearann Iarla, faisg air a chaisteal, ’n uair a thachair an duine mòr ris. “Till thu!” ars esan, “cha ’n e sin an rathad.” “Bheil fhios, agad,” ars an t-amadan, “c’àit a bheil mi ’dol.” “Cha’n eil agam,” ars an t-Iarla. “’S cia mar, tha fios agad, ma ta, nach e so mo rathad?” ADHAIRCEAN FAD’ AIR A CHRODH ’THA FADA UAINN. Bha Sasunnach aon uair a’ tabhairt aithris, a measg cuideachd uasail ann an Inbhirneis, air na h-ioghnaidhean a chunnaic ’s a rinn e fhéin anns na h-Innsean, bho’n d’ thainig e beagan roimhe sin. Thug e eachdraidh gu h-àraid air na tigearan mòr air an do thachair e, ag ràdh gu’n do mharbh e fear a bha còrr is da fhichead troidh air fad! Thubhairt fear de na h-uaislean, nach ro teagamh air bith nach robh beathaichean anabarrach anns na dùthchannan thall, ach gu’n robh mar an ceudna ann an Alba fhéin ainmhidhean nach robh dad air dheireadh orra. Mar eisimpleir, dh’innis e gu’n do ghlacadh scait shuas ann an Gallthaobh, a bha corr is leth-acair air leud. Dh’aithnich an Sasunnach gu’m b’ann a’ magadh air a bha’n t-Albannach; ’s dh’ fhàg e ’chuideachd le mòran feirg. Ann an uine ghoirid, chuir e caraid, mar a bha fasan an ama, a thoirt dùlain do’n fhear eile, mur a toireadh e leth-sgeul airson na tàmailt a thug e dha. Fhreagair an t-Albannach gu socair, “Ma ta, ma bheir do charaid beagan throidhean de fhad a thigear, chi sinn dé ’s urrainn dhuinn a dheanamh mu leud na scait!” BUAIDH NA PIOBA. Bha piobair uair a’ dol troimh choille mhòir ùdlaidh, ’s ’n uair a thainig am feasgar, rinn e suidhe gu greim suipeir itheadh. Is gann a rinn e tòiseachadh, ’n uair a chruinnich treud de mhadaidh-allaidh acrach timchioll air. Gus e fhéin a dhion, thilg am piobair bochd mir is mir dhe bhiadh do na béisdean, gus mu dheireadh nach robh criomag aige gun ithe; ’s a dh’aindeoin sin, ’s ann bu teinne dhlùthaich na madaidh-alluidh air. Bha e’ n imbis dùil a thabhairt dhe ’bheatha, ’n uair thainig smuaintean comharraicht’ ’n a cheann. Ghlac e ’phiob, ’s thòisich e air seideadh suas. A cheud sgal a leig an dos mòr, de rinn na madaidh-allaidh ach teicheadh ’n an deann, mar gu’n robh iad air beucaich leomhainn a chluintinn! ’N uair a chunnaic Domhnull a’ bhuaidh a bh’ aig a’ phiob, ars esan, “M’anam-sa, na ’m b’fhios dhomh gu’n còrdadh an ceòl cho math ribh, bhithinn air a thoirt dhuibh roimh ’n t-suipeir, ’s cha ’n ann air a deigh!” AN COILEACH AGUS AN SIONNACH. Bha sionnach roimhe so moch madainn shamhraidh ag gabhail an rathaid seach tigh tuathanaich, ’s rachar a chas an gòisinn a chaidh a suidheachadh air a shon. Bha coileach òtraich air iris greis bhuaithe, agus chunnaic e mar a thachair. Cha leigeadh an t-eagal leis tighinn faisg air gille-nan-car, ach, le an-amhurus, bha e tialadh, ’s ag gòradh g’ a ionnsuidh uidhe air n-uidhe. Thug an sionnach an aire dha, ’s cuirear fàilte air cho modhail, càirdeil, ’s a b’ aithne dha: “Fàilt ort, fhir mo chridhe. Nach ann domhsa dh’ éirich e air do sgàth. Bha mi ’g ialadh romh ’n challaid ud thall, air mo cheum a’ dol dachaidh, an uair a chuala mi do ghogail, agus chuir mi romham taghal agad dh’ fhiach ciamar a bha dol dut fhein ’s do ’n mhuirichinn, ’s tha thu faicinn mar a dh’ eirich dhomh. Guidhim ort sgian a thoirt domh a ghearradh na sreinge, no, co dhiùbh, gun dad a ghabhail ort gus an gearrr mi i le m’ fhiacaill.” Thuig an coileach mar a bha chuis, ’s gun ghuth a ghabhail air, thugar ’n a dheann a mhaighistir air agus innsear dha mar a bha. Thug esan leis a bhiodag agus chuir e as do ’n t-sionnach mu’n robh dol as aige. Seachainn an t-olc, agus seachnaidh an t-olc thu. [TD 149] MAISE CHRIOSD. LE IAIN MOIRISON, A BH’ ANNS NA HEARADH. [Ceòl] THA cliù an t-Slànuighear bhithbhuan Ri ’sheinn le fuaim a ghnàth, A thaobh a ghràis, ’s a ghràidh d’ a shluagh, Bho ’s e ’rinn suas an slàint’; Cha dean iad tàmh gu bràth dheth ’luaidh, Ach glòir ’s gach uair ’thoirt dhà; ’S bho thaom e ’ghaol ’n an cridh’ le buaidh, Tha ’n oran nuadh gach tràth. Bho dh’ fhosgail e an sùilean suas, ’Bha dùint’ fo dhuathar bàis; ’S bho nochd e dhaibh e féin ’n a thruas, Bha ’n ceum gu luath ’n a dhàil; Oir nochd e dhaibh firo dhreach a ghuraidh, Us mais’ a shnuaidh le fàilt’, Le ’n d’ lean iad e ’s gach ceum mu’n cuairt, Gu dlùth, mar fuaight’ ri ’shàil. Oir ’s maisich’ e no clann nan daoin’ An àilleachd ’s aobhachd snuaidh; Tha ’chomunn gràdhach, gràsmhor, naomh, ’Toirt beath’ o’n aog a nuadh: Tha ’ghràdh cho blàth, ro bhàigheil, caoin ’S gu ’n leagh e ’n daor-chridh’ cruaidh; ’S b’ e ’n sòlas làn ’bhi ’m pàirt a ghaoil, ’S ’n a ghlacan caomh do-ghluaist’. Tha e cho geur an léirsinn sùl ’S gu ’m faic e ’n smùirnein meanbh; Tha e cho glan ’n a bholadh cùbhr’ ’S gu ’n toir e ’ghnùis air falbh ’Nuair ’gheibh e goirteachadh ’s an tùis: Bidh samh gach sgùm leis searbh, Gu ’n dean e ’n lot gu geur ás ùr, Gu sgrios gach grùid us searg. [TD 150] Tha aoibhneas làn, tha gràdh gun tnù, Ri ’mhealtainn dlùth fodh ’sgèith; Tha beath’ us slàint’ am fàilt’ a ghnùis Do neach fodh chiùrradh geur; Tha ’ghealladh gràis ’toirt blàiths ás ùr Do ’n chuid ’tha ’n tùrs’ fodh chreuchd; Ach ’s bròn ’s is bàs do chàch a chùl, Nach d’ chlaon an sùil ’n a dhéigh. ’S e ’s sgiamhaich’ cas a dh’ imaich feur, Gun lùb ’n a cheum, gun fheall; Tha dealradh glan ’n a eudann réidh Mar dheàrsadh gréin’ air bheann. Tha ’chonaltradh cho bàigheil, sèimh, ’S e ’s milse beul us cainnt. ’N àm còmhraig, carraid, strì, no streup, Cha ’n fhàilnich leum a laimh’. An cruas a ’ghleachd bha ’thapadh treun; Bu sgaiteach beum a lann; Fhuair buaidh a’ chath mar ghaisgeach gleust’, Le ’chumhachd féin ’s gach ball; ’S ’n a uachdranachd air uaigh ’s air eug, Tha neart nan neamh ’n a laimh. Le ’eirigh chuir e ’n nàmh fodh stéill; Oir lot e ’bhéist ’s a cheann. Tha dreach a phearsa, ’s mais’ a ghnùis, Thar cainnt’ us ciùil r’ a luaidh, ’S e dearg us geal; ’s tha ’anail cùbhr’, Mar ròs fo dhriùchd ’s a’ chluain: Tha ’fhàile glan do ’n anam chiùirt’, Tha ’shealladh sùl làn truais, Tha ’bhriathran fallain, réidh, làn iùil ’S ’n a ’ghealladh ciùin do ’n truagh. ’Bhi dearg le fuil gu léir mu’n cuairt, Fodh ’n fheirg throm-bhuailt’ a dhòirt Air còm a’ ghràidh ’tha làn de thruas, Dh’ fhàg maiseach snuadh a neòil Do ’n pheacach leònte fo ’n gheur-ruaig, ’S an ceartas cruaidh ’n a thòir: ’S e sud a sgàil’ bho ’n mhallachd bhuan; ’S ’o ’n teas, ’s ’o ’n fhuachd, ’s e ’n cleòc’. ’S ’bhi geal le fìreantachd neo-thruaillt’, ’S le naomhachd bhuan gun sgleò, Gun smal, gun spot, gun ghaoid, r’a luaidh, ’S n’ is glaine snuadh no ’n t-òr. ’S e sud a ’s trusgan rèidh d’ a shluagh A chreid binn fhuaim a sgeòil, ’S a fhuair compàirt ’n a ghràs ’s gach buaidh; Gu bràth ’s e ’n uaill ’chrùn glòir’. ’S e ’n t-Iongantach am measg an t-sluaigh, ’S nan ainglean shuas an glòir; ’S e ’thug an gràdh an aghaidh fuath, ’Nach fhaodar ’luaidh le beòil; An coslas pheacach ’theachd a nuas A dh’fhulang truaigh’ ’s an fheòil; ’Bhi ’n nàdur duine bhos air chuairt, ’S ’n a naomhachd shuas bith-bheò. ’S e Rìgh nan rìgh gach linn gu bràth, ’Tha ’nis am Pàrras shuas; Tha ’naimhdean ceannsaichte fodh ’shàil, Oir chuir e ’m blàr le buaidh; Tha ’cheannardachd a nis cho làn, Tha neart a ghàirdean buan: Tha gach uil’ iomlanachd a’ tàmh ’N Emanuel nam buadh. ’S e ’n Tì ro mhòr, Iehobhah ’n àigh, ’S mòr inbh’ ro àrd r’ a luaidh; Tha aingl’ a ghlòir’ le’n ceòl ’n a làth’r, Ri seinn nan dàn ’s binn fuaim; ’S a còmhdachadh an gnùis le sgàil, Le dealradh làn a shnuaidh, ’S a tilgeadh sios an crùin gu làr, ’Toirt ùmhlachd dhà gach uair. Tha còm a ghràidh cho làn de ghaol, ’S e mall gu fraoch no fearg; Tha ’iochd ’s a ghràs d’ a phobull naomh Am bann, do-sgaoilt’ nach searg; ’S cha sgar gu bithbhuan olc no aog Aon anam saort’ air falbh Bho chaidreamh blàth a chàirdeis chaoimh, Ge d’ robh ’n droch aon ga ’n sealg. Tha’ bhrollach fiorghlan, siorruidh, làn De ’n bhainne ’s feàrr do chlann; ’S beò-uisge fior bho chliabh a ghràidh A ruith gun tàmh ’n a dheann; Tha ’uchd ion-mhiannaichte cho blàth, Cho maoth, làn bàigh, ’s gach àm— ’S mo mhiann cha riaraichear gu bràth Gu ’m faigh mi dh’ àit’ ’bhi ann. [TD 151-160] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 161] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH 1875. [42 AIR. SEAN-FHOCAIL. VI.—CHA’N FHEARR SINGEAS NA SANGAS. ’S e an dà ni gu sonruichte airson a’ bheil na Sean-fhocail luachmhor mar mhodh-teagaisg—am Firinn agus am Fuaim. Gheibhear Sean-fhocail gach Tìr air an tilgeadh, le caochladh innleachdan, ann am briathraibh a tha taitneach do’n t-suil agus do’n chluais; ach tha mi meas gur rian so a tha fior, ann an doigh ro-shonruichte, mu na Sean-fhocail Ghaidhealach. Tha ’n Sean-fhocal a ghabh sinn mar steigh ’n a eisempleir air a’ bhuaidh so. Feudaidh e bhi gu bheil Firinn ’s an radh; ach, ma tha, cha ’n aithne dhomhsa i, agus cha ’n fhiosrach mi co d’an aithne. Thagh mi an radh air son na Fuaim a mhain; oir tha mi de’n bheachd gu bheil e ’comharrachadh a mach feart anns a’ bheil sinn mar Chinneadh dealaichte bho Chinnich eile, agus gu h-araid bho ar coimhearsnaich na Goill. Cha ’n ’eil e farasta dhomh an dealachadh so a chur an cainnt,—cha ’n ’eil teagamh nach e m’aineolas air cumhachd na Gaidhlig is coireach. Tha focail aca ’s a’ Bheurla, Form and Matter, no mar dh’fhaodas sinne ’radh, Cumadh agus Stuth, a tha air an cleachdadh air uairibh a chur an ceill smuain cosmhuil ris an ni tha ’m bheachd; agus, le cion focail is freagarraiche, ’s le cead, tha mi ’n dochas, luchd-leughaidh a Ghaidheil, roghnaich mi iad air an àm. Ciod is ciall do’n chainnt neo-ghnathaichte so? Tha gach ni air an crom thu do shuil air a dheanamh suas de’n dà sheud so. ’S e Stuth na Luinge am fiodh mar a dh’ fhas e anns a choille,—an t-iarunn mar fhuaradh anabuich e an doimhneachd an talmhainn. ’S e Cumadh na Luinge an dealbh a chinn an ceann an t-Saoir. Ma tha meang ’s an Stuth, cha seas an Long onfha cuain; ma tha failinn ’s a’ Chumadh, fàgar air deireadh i ’s an rèis; ach faigh Stuth fallain ’us Cumadh neo-mhearachdach, agus tha agad Long air nach cuir gaoith an uair is cruaidhe sheideas i, no fairge an uair is buirbe dh’àtas i,—Long a bheir misneach do’n Mharaiche, ’us toilinntinn do’n Fhear-amhairc o thìr. ’Se Stuth an òrain na smuaintean tha builgeadh an inntinn a’ Bhaird; ’s e Cumadh an orain a’ chainnt, ’s an rann, anns a’ bheil na smuaintean air an cur an ceill. Biodh an Stuth lag, faoin, agus a dh’aindeoin oirdheirceas na cainnt, a dh’aindeoin ceolmhoireachd na roinne, cha ghabh an Saoghal ris; agus air an laimh eile, ged bhiodh an Stuth iomlan, ma bhitheas a’ Chumadh an deigh-laimh, cha ’n aithnich an Saoghal e. ’S e Stuth a tha thu ’cur an laimh an fhir-cheird—a’ chriadh an laimh a’ Chriadhadair; ’s e Cumadh an t-atharrachadh a tha sgil an fhir-cheird a’ toirt air a’ mheall, an uair a thiunndas e mach soithichean, cuid gun teagamh [TD 162] na’s urramaiche na cuid eile. Tha ’m ball criochnaichte air a dheanamh suas de’n dhà; agus tha iomlaineachd a’ bhuill a’ co-sheasamh ann a bhi gleidheadh co-chordadh dligheach eadar an dà shealbh so. Na’m biodh agam ri chur an ceill, an aon fhocal, am priomh-fheart anns a’ bheil an dà Shluagh—Goill ’us Gaidheil—dealaichte o cheile, theirinn gu bheil Cumadh air taobh a’ Ghaidheil, Stuth air taobh a’ Ghoill. ’S e mo bheachd gu’m faighear dearbhadh air an dealachadh so ann an Corp, an Inntinn, an Canain, an Sean-fhocail, an Sgeulachdan, ’s am Bardachd an dà Shluaigh. A thuilleadh air so, tha mi meas gu’m feudteadh aireamh nach beag d’ar beachdan, agus gu h-araid an spiorad anns an reusonaich sinn mu cheistean cudthromach, ’s anns an cuairtich sinn ar dleasdanais sholuimte, a lorgachadh air ais gus a’ bhuaidh bhunaiteach cheudna. Cha ni faoin no suarach, tha mi meas, a bhi stri ri beachdan cothromach fhoghlum mu thimchioll ar Cinneadh fein, ’s mu na feartan air an d’ thug iad fianuis do’n t-Saoghal rè an Eachdraidh fhada agus chiogailtich. Is ann mar so a mhain a chi sinn an t-àite tha dligheach do’n Ghaidheal am measg nan Sluagh ’s an àm a dh’ fhalbh, agus a shonruicheas sinn an doigh-theagaisg is freagarraiche airson ar Luchd-duthcha ’n ar latha fein. Ann an dreach cuirp, tha ’n dà Shluagh comharraichte do’n t-suil. Cha ’n fhaighear “an fhuil fhior-ghlan gun truailleadh” aon chuid aig Goill no aig Gaìdheil am Breatunn, no eadhon ’s an Roinn-Eorpa a nis; ach tha fathast an dà shruth, buairte ann an tomhas ged tha iad, cho comharraichte o cheile ’s gu’n dearbhar co’n tobar bho’n d’eirich iad fa leth, agus ciod iad na riantan anns a’ bheil iad a’ mathachadh na tíre troimh ’m bheil iad a’ ruith. Gheibh thu an Gall soilleir, sultmhor, sliobasda; tha ’n Gaidheal air taobh a bhi dorcha, eutrom, deas. Gun teagamh gheibhear ’s a’ Ghaidhealtachd daoine cho tròm ’s cho sultmhor ’s a gheibhear am Breatunn; agus creididh mi nach ’eil fir ’s an Roinn-Eorpa is eireachdaile na uaislean na Gaidhealtachd; ach gu bhi gabhail an dà Shluaigh thar cheann, fear airson fir, tha cudthrom ’us sult air taobh a’ Ghoill, deise ’us sgairt air taobh a’ Ghaidheil. Agus anns na cearnan de’n Ghaidhealtachd anns an do thuinich na Lochlannaich, saoilidh mi gu’m faighear an luchd-aiteachaidh gus an là diugh, na ’s mo cnaimh, na ’s soilleire dreach, ’s na ’s truime feoil, na anns a chuid eile de’n Ghaidhealtachd. Cha ’n ’eil teagamh nach do chuidich gnè na Tire ’s a’ bheil ar dachaidh, ’s air n-Eachdraidh thuasaidich rè cheudan bliadhna, ar meas air neart ’us lugh-mhoireachd cuirp a mheudachadh; ach cha ’n ’eil neach a leugh ar Bardachd nach aidich gu’m bu shluagh na Gaidheil a bha ’cur luach neo-chumanta air maise ’s air deise—’s e sin Cumadh—cuirp. ’S e mo bharail gu’m faighear an dealachadh ceudna ann an Inntinn an dà shluaigh. ’S e Stuth na h-Inntinn, neart, reachdmhoireachd a buaidhean; ’s e Cumadh na h-Inntinn, snas, riaghailteachd a buaidhean. Saoilidh mi gu’n aidichear gu bheil an Gall, ’n a nadur, foighidneach, mairnealach, leisg; an Gaidheal goirid, sgaiteach, dian. Agus ma’s eigin aideachadh gur e inntinn a’ Ghoill is farsuinge, seasaidh sinn air gur e ceann a’ Ghaidheil is soilleire. Co-dhiu bha aite aig an dealachadh so an inntinn an dà Shluaigh o’n a sgar iad o cheile an toiseach, no nach robh, cha’n ’eil comas againn a nis air a dhearbhadh; ach tha mi de’n bheachd gu’m faighear an deal- [TD 163] achadh o’n a tha Eachdraidh againn orra. Dhuinne tha e ’n a dhealachadh ’s an fhuil, air a neartachadh no air a lagachadh a reir foghluim ’us cleachduin nan Sluagh, ach gun bhi uair sam bith gu buileach air a chlaoidh. A chum leasachadh buaidhean na h-inntinn, is dòcha nach aithne dhuinn fathast lan-chumhachd foghluim; ach ’n a dheigh so uile, tha mi meas gu bheil e fior mu’n inntinn ’s mu’n chorp “Gur buaine duthchas na oilean.” Cha toir na tha de fhoghlum fo’n ghrein sron a ghadhair do’n tarbh; ’s cha mho dheanamh gach Maighstir-sgoil a thug bogha air bas Fionnaghal de Iain Lom, no Oisein de Dhonnachadh Bàn. Tha ’chuimhne laidir ’s a’ bhreith chothromach agad o’n bhroinn, cho chinnteach ’s a tha ’n fheith righinn no’n cnaimh cumachdail agad; agus ged is urrainn thu, le giullachd fhreagarraich, a’ chuimhne ’neartachadh ’s an fheith a righneachadh, tha e fathasd fior “nach tionailear dearcan-fiona de dhrisibh, no figean de na foghannanaibh.” Cha ’n ’eil teagamh nach dearbh a mhor chuid de na tha nis ri fhaotainn de chainnt ’s de litreachas nan Gaidheal ’s an Rioghachd so, gun robh ar n-Aithrichean a’ cur barrachd meas air cumadh, snas, ’us maise, na bha iad air neart, beairteas, ’us firinn, an cainnt ’s an smuain. Cha ghabh cus meas a bhi air Cumadh buill a’ chuirp; ach saoilidh mi gu’n robh Cumadh toraidhean na h-inntinn ro thric fa chomhair ar sùl. Seall air ar Canain. Cha ruigear a leas a dhearbhadh gu bheil i aosda; tha h-aois, a nis, air aideachadh air gach laimh. Ach ciod a’ bhuaidh a dh’ fhag i air cho beag de fhocail; agus gu h-araid ciod a’ bhuaidh a thug dh’i cho beag de fhocail ghoirid an coimeas ris na bheil innte de fhocail fhada? Theirear gun teagamh nach e uireasbhuidh na canain is coireach ach aineolas an t-sluaigh air a fior chumhachd. Cha ’n ’eil ’san fhreagairt ach a’ chuid bheag de ’n fhirinn; agus ged bhitheadh an fhirinn uile ann, nach feoraichte co bhuaithe an t-aineolas so air ar cainnt fein? Tha mi smuaineachadh gur gann a gheibhear Canain eile, anns an deachaidh uiread a labhairt ’s a sgriobhadh, a leigeas fhaicinn cinneas cho mor air stoc no air freumh cho beag. Cha ’n ’eil duil agam gu bheil Foclair ri fhaotainn anns a’ bheil uiread de fhocail dhubailte, mar theirear, ’s a gheibhear ’s an Fhoclair Ghaidhlig. Tha cumhachd na Canain ri fhaicinn air dà dhoigh—a comas air moran fhocal a tharruing o aon fhreumh, agus cho liutha doigh ’s air an gabh ar focail cur ri cheile a chum smuain a chur an ceill. Tha sinn laidir ann am focal-fhreumhachd ’s an gnaths-cainnt,—derivation and idiom, mar theirear ’s a’ Bheurla; tha sinn lag ann an aireimh ar priomh-fhocail. Tha so ag eirigh, tha mi meas, o’n bhuaidh inntinn a dh’ ainmich mi. Bha sinn na b’eudmhoire mu ghloinead ar canain na bha sinn mu ghloinead ar fola. Ghuidheadh an sean Ghaidheal “le Seonaid chòir ged tha i pòsda aig a’ Ghall;” ach b’ fhearr le’r Sgoilearan Gaidhlig riamh an nigheanan a’ leigeadh do Shasunn na focal de’n chainnt a thoirt às. Rinn ar fein-dhiongmhaltachd ’s an rathad so coire d’ ar canain; dhi-chuimhnich sinn ar focail bheaga, bhrighmhor; cha leigeadh ar Cinn-iuil dhuinn focail a ghabhail an coingheall à canain eile; ’s b’ eigin a bhi deanamh fhocail fhada,—focail, mar is trice, gun bhlagh gun bhlas. O chionn beagan bhliadhnachan, aig braighe glinne aillidh, dlù air mo dhachaidh, chiteadh, ri taobh an rathaid-mhoir, seana chraobh chaorainn a’ cinntinn [TD 164] a mach à sgoltadh an aodann creige. Cha b’ urrainn duine aois na craoibhe innseadh. Bha ’beatha, a reir coslais, air a tarruing as a’ chreig a mhain. Bha fosgladh a’ ghlinne ris an Iar, ’s bha gaillionn a’ gheamhraidh, ’n a lan neart, a’ bualadh air a’ chraoibh; ach o bhliadhaa gu bliadhna, bha i cho ùrail, dhosrach, ’s cho miaghail aig na h-eoin bheaga, ’s ged bhiodh a freumh ’s an talamh bu toraiche ’s anns an aite b’ fhasgaiche. An uair mu dheireadh a bha mi ’n rathad, bha ’chraobh ’n a sìneadh; agus b’ eigin aideachadh na ’m b’ ann an talamh reachdmhor ’s an àite fasgach a dh’fhas i, gu’n sgaoileadh a freumhaichean na b’ fharsuinge, gu’m bitheadh an stoc na bu ghairbhe ’s na b’ airde, na meanglain na bu sgaoiltiche, ’s gu’m faigheadh barrachd de eoin bheaga fasgadh na geugan. Is tric a choimeas mi am inntinn fein a’ Ghaidhlig ris a’ chraoibh ud. Sean mar na creagan àosda, urail, dosrach tha i; muirneach thar tomhais aca-san a dh’iunnsuich òg i; ach a’ cinntinn ann an àite dorsach, fosgailte do ghaoith fhuair nan Coimheach; agus, nach feudar a’ radh, le cion taire ’s giullachd o Chairdean, a freumhaichean a’ seacadh, a stoc caol, ’s a fasgadh gann, mar gu’m b’ann à aodann creige bhiodh a fàs. Cha ’n ’eil neach d’ an aithne ar Sean-fhocail, ar Sgeulachdan ’s ar Bardachd nach aidich gu’n robh na Gaidheil ro bhuailteach gu bhi air an sasuchadh le fuaim thaitnich, agus gu bhi ro thric a di-chuimhneachadh gur e firinn is cliuitiche na fuaim. Cha ’n ’eil e comasach a nis a dhearbhadh c’uin a thoisich an droch-cleachduin so ’n ar measg, oir gheibhear i anns na sgriobhaidhean a tha air an cunntas ro shean; ach creididh mi nach robh a’ chleachduin cho cumanta no cho neo-thuigseach o shean, ’s a tha i o chionn beagan cheudan bliadhna. Is tric a bha mi ’g a chunntas car fortanach nach d’ iunnsaich Coigrich ach ainmig ar cainnt; ’s nach d’ fhuair iad cothrom air fhaicinn na bheil d’ ar Bardachd air bheagan brigh. Fhuaras coire d’ar sluagh iomadh uair, agus cha ’n ’eil teagamh nach toilleamaid achmhasan air amannan; ach tha mi meas nach d’amais na sgriobhadairean air faillinn cho mor ’s a’ bhuineas duinn,—’s e sin a’ meas a chuireas sinn air rann ’s a’ bheil fuaim thaitneach, co-dhiu tha dad tuilleadh ann no nach ’eil. Chunnaic na sean daoine an cunnart ged nach do sheachain iad e: “A bhò ’s measa ’s a bhuaile, s i is airde geum;” “Ontha na poite bige;” “Cha ’n i bhò is airde geum is mo bainne;” “Is labhrach na builg fhas.” Am measg ar Sean-fhocal gheibhear eisempleirean lionmhor air fior mhaise cainnt co-cheangailte ri smuain gheur, air nach d’thoirear barr an canain ’s am bith, agus, ma dh’ fhaodte, gu’n tig sinn thairis air cuid diubh so fathast; ach saoilidh mi gu bheil air an laimh eile, moran diubh a tha luachmhor air son na fuaim a mhain: “Cha ’n fhearr Sioram na Sarum;” “Cha ’n fhearr Singeas na Sangas;” “Breith no beirid;” “Cnuasachd na Craineig;” “Caitheadh Criontaig air Cualaig;” agus mar sin sios. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil ciall aig cuid de na Sean-fhocail so; ach saoilidh mi gur ann airson am fuaim a tha iad cho measail ’n ar measg. Anns na toimhseachain Ghaidhealach, gheibhear gu minic am feart no ’n fhailinn cheudna. Ciod eile is brigh de mhoran de leithid so de chainnt? “Stioram, starum, stararaich Air feadh a’ bhaile mhargaidh,” &c. “Caora mhion, mhionachag, Air an treas lomachag,” &c. [TD 165] “Gliogaran a muigh, gliogaran a stigh; Bocsa ceithir chearnach, ’s e lan ghliogaran.” Tha na Sgeulachdan Gaidhealach a chuir Mr. Caimbeul a mach o chionn beagan bhliadhnachan luachmhor airson iomadh deagh bhuaidh. Is e na Sgeulachdan so a bhi cho siubhlach ’n ar measg a thug comas labhairt ’us amas-cainnt do Ghaidheil na h-Alba nach robh aig daoine riamh air cho beag foghluim. Cha ’n ’eil teagamh nach ann ’s na Sgeulachdan so a gheibhear a’ Ghaidhlig Albannach ’n a fior chumhachd agus ’n a lan mhaise. Ach tha ’bhuaidh a tha mi feuchainn ri shoillearachadh ro chomharraichte anns na Sgeulachdan. Leugh aon cho ainmeil ’s a tha anns an Leabhar, “Gaisgeach na Sgiatha Deirge,” agus chi thu gu bheil a’ chainnt gu tric a faotainn an lamh-an-uachdar,—gu bheil moran fhocal air an uisneachadh airson na fuaim a mhain: “Cnocan dath-uaine daite;” “Tar agus tailceas;” “Mar ghual guibhne gobha;” “An dealbh, ’s an dreach, ’s an cruth, ’s an aogas;” “Am briathra fiosneacha, foisneacha, fior-ghlic, fior-eolais.” Thug mi na h-eisempleirean so o’n cheud taobh-duilleig de’n Sgeul. Gheibhear an leithidean a cheart cho lionmhor air gach taobh-duilleig de’n Sgeul so, agus de gach sgeul ’s an Leabhar. Agus ma rannsaicheas sinn ar Bardachd, gheibh sinn a’ chleachduin cheudna. Tha e fior gu’m faod moran d’ar Bardachd Ghaidhealaich, airson maise ’s ceolmhoireachd smuain ’us cainnt, seasamh ri guala Bardachd fo’n ghrein gun naire ’ghabhail. Cha ’n fhaighear an àite eile orain is binne na chluinnear gu tric am beul na h-oigridh air an Taobh-an-Iar; agus tha dà Bhard co-dhiu a ghleidh co-chordadh dligheach eadar an smuain ’s an cainnt, ’s a dh’ fheudar, airson doimhneachd na smuain agus oirdheirceas na cainnt, ainmeachadh do Choigrich, agus eadhon eadar-theangachadh do’n Ghall,—’s e sin Oisean agus Dughall Buchannan. Ann am farsuingeachd inntinn cha d’ thig Maighstir-sgoil Raineach a nios ri Bard na Feinne; ach a reir mo bheachdsa, tha Dughall Buchannan cho ard os cionn gach Bard Gaidhealach eile tha againn, is nach ’eil e freagarrach gu’m biodh e air ainmeachadh leo; agus cha ’n ’eil, ma dh’ fhaodte, feart anns an dearbh e ’cheannas thairis orra na ’s soilleire na anns a’ bheachd chothromach a bha aige air feum cainnt—a chur an ceill smuain, agus cha ’n ann a sheasamh ’n a h-aite, no a folach. Ach a mach o’n dà Bhard a dh’ ainmich mi, tha mi meas nach faighear Bard Gaidhealach ainmeil a tha saor o’n mhearachd so. Mu’n chorr tha e fior gu’n d’ fhuair cainnt ro thric an lamh-an-uachdar orra. Cha ’n ann an diugh no ’n dè a bha chuis mar so. Bha ’chleachduin aig airde neirt o chionn ceithir cheud gu leth bliadhna. Gheibh thu ann am “Brosnacha Catha, le Lachunn Mor MacMhuirich, do Dhomhnull nan Eileanan, latha Chath-gaireach” cainnt air a cur gu buil nach d’ orduchadh dh’i. Mur ’eil “Bolg-fas labhrach” an so, cha ’n aithne dhomh c’aite am faighear e. Agus cha ’n e so a mhain, ach gheibhear daoine ’n ar measg a leugh fior Bhardachd a’ moladh na Ranntachd ’s an Ughdair. Ann am beachd Mhic-Coinnich tha ’m “Brosnacha” luachmhor dhuinn air dà dhoigh. Dh’fhaodte gu bheil. Tha e co-dhiu ’n a dhearbhadh maireannach dhuinn air dà ni bu mhath leinn a dhi-chuimhneachadh,—’s e sin gu’n robh Bard d’ ar cinneadh air cho beag tuigse, agus gur urrainnear a radh mu’r n-Aithrichean gu’m faigheadh clabail-chraois de ’n t-seorsa so buaidh [TD 166] thairis air an inntinnean. Agus ma sheallas tu roimh shaothair nam Bard a chluinnear air an ainmeachadh le h-urram anns gach Comunn Gaidhealach, nach faigh thu, mar is trice, smuain a’ Bhaird air a h-adhlacadh ’s cha ’n ann air a sgeadachadh le ’chainnt. Leugh “Oran an t-Samhraidh” le Mac Mhaighstir Alastair, no “Beinn Dorain” Dhonnachaidh Bhain, no “Am Foghar” le Eoghan MacLachluinn—sgoilear cho foghluimte ’s a bha anns an Roinn-Eorpa r’a linn—agus nach saoil thu gur e crioch araid a’ Bhaird a bhi cruinneachadh nam focal is faide a gheibh e, ’s a bhi ’g an snaomadh ri cheile, mar is fearr a dh’fhaodas e, air an doigh is taitniche do’n chluais. Dh’ fhaodte a chomharrachadh a mach, mar eisempleir air cumhachd na buaidh cheudna thairis oirnn, ar baigh ri sgal chruaidh na piob-mhoir, ri daithean soilleir a’ bhreacain, ’s ri cumadh an fhèile, a’ dh’ aindeoin cuingeachd ar tighean, duirchead ar speur, ’s fuachd ar geamhraidh. Agus na ’m b’e so an t-àm no ’n t-àite freagarrach, nach faodte ’radh gur iomadh Ministeir Gaidhealach le le cliabh lag, ’s le anail ghoirid, a bhiodh taingeil na ’m biodh cumhachd na fuaim thairis air a choimhthional na bu laige na tha e. Ach is eigin stad an so. The mi de’n bheachd gu’n dearbh Eachdraidh ar Sluaigh an Rioghachdan eile gu bheil grinneas, snas, ’us maise—no, mar thuirt mi roimhe Cumadh—an corp, an smuain, ’s an cainnt dual do’n Ghaidheal. Tha fios againn uile gu bheil na Frangaich comharraichte airson nam feartan so. Anns an Rioghachd so bheir na Gaidheil barrachd air na Goill anns na feartan ceudna. Is feartan iad a tha cliuiteach agus cunnartach do shluagh. Tha ’m cunnart mor, gu h-araid far a’ bheil foghlum anns a chuid is mo leis a’ chluais, gu’m fuaim thaitneach an t-àite tha dhligheach do smuain neartmhor. Thug mi air aghaidh eisempleir no dhà a dhearbhas nach do sheachain ar n-Aithrichean gu buileach an cunnart. Tha mi smuaineachadh nach ni mi-fheumail a bhi cuimhneachadh air uairean nach ’eil sinn uile gu leir iomlan. Saoilidh mi gu’n d’fhuiling ar sluagh iomadh uair dimeas o choigrich nach do thoill iad; agus gu’m b’ann againn fein gu tric a bha ’choire. ’N ar n-Eachdraidh, ’n ar Canain, ’s ’n ar Bardachd tha iomadh feart a tha ion-mholta; ach tha cuid nach ’eil, agus ciod an t-iongantas ged tha? Anns a’ phòr a fhuair sinn bho ar n-Aithrichean, glan ’s mar tha e, tha beagan muill am measg an t-sìl. Nach cuir sinn barrachd meas air cuimhne nan Daoine a bha, ’s nach toill sinn barrachd cliu bho na Daoine a bhitheas, ma leigeas sinn a ghaoith roimh ’n phòr, mu’n cuir sinn ’n ar fonn fein e, no mu’n toir sinn gu feill nan Coimheach e? De ’n dà fheart a dh’ ainmich mi airson a’ bheil an dà Shluagh—Goill ’us Gaidheil—fa leth comharraichte, co an diù ’s co an roghainn? Cha ’n ’eil a’ cheist farasta fhreagairt; cha ’n ’eil mi cinnteach gu’n gabh i cur le tuigse. Cha nithean a choimeasar Stuth ’us Cumadh; agus cha ’n fhaighear sgarte’ o cheile iad. Is ann ’n an co-chordadh dligheach a tha iomlaineachd a’ co-sheasamh. Sgarte’ o cheile is neoni iad; aonte’ tha iad uile-chumhachdach. Feudar a radh gu bheil deagh stuth air dhroch cumadh neo-thogarrach; gu bheil droch stuth air deagh chumadh foilleil. Ach saoilidh mi ma tha neart ’us tuigse a’ Ghoill feumail a chum an Saoghal a chiosnachadh, gu bheil maise ’s grinneas a’ Ghaidheil cho feumail a chum a shealbhachadh. D. M‘K. [TD 167] THE ISLE OF SKYE. AN EDINBURGH SUMMER SONG. BY ALEXANDER NICOLSON. THE beautiful Isles of Greece Full many a bard has sung: The isles I love best lie far in the West, Where men speak the Gaelic tongue. Ithaca, Cyprus, and Rhodes, Are names to the Muses dear; But sweeter still doth Icolmkill Fall on a Scotsman’s ear. Let them sing of the sunny South, Where the blue Ægean smiles, But give to me the Scottish sea, That breaks round the Western Isles! Jerusalem, Athens, and Rome, I would see them before I die; But I’d rather not see any one of the three. Than be exiled for ever from Skye! What are the wonders there, Stranger, dost ask of me? What is there not, I reply like a Scot, For him who hath eyes to see? But if you’re a delicate man, And of wetting your skin are shy, I’d have you know, before you go, You had better not think of Skye! Lovest thou mountains great, Peaks to the clouds that soar, Corrie and fell where eagles dwell, And cataracts dash evermore? Lovest thou green grassy glades. By the sunshine sweetly kist, Murmuring waves, and echoing caves? Then go to the Isle of Mist! The Matterhorn’s good for a fall, If climbing you have no skill in, But a place as good to make ravens’ food You can find upon Scoor-nan-Gillean. And there will you see at Strathaird, That Grotto of glittering spar. With its limpid pool, where Mermaids cool Their brows when they travel from far. There frowns the dark Coiruisg Which made the great Wizard wonder, Even Voltaire might have worshipped there, Methinks, in the time of thunder! AN T-EILEAN SGIATHANACH. ORAN SAMHRAIDH. (Air eadar-theangachadh leis an Ughdair.) Air Innse na Gréig’ is àill’, Tha luaidh nam Bàrd nach gann; B’ e m’ ulaidh-sa riamh na h-Eileanan Iar, Far an cluinnear cainnt nam beann. Tha Itaca, Ciprus, is Ròds, Ionmhuinn le clann nam fonn; Ach I-Choluim-Chille, ’s i gràdh gach filidh Chaidh altrum an Alba nan sonn. Ged ’s bòidheach a’ ghorm Mhuir Dheas, Far an cleasaich ’n a neart a’ ghrian, ’S ann leam gu’m b’ fhearr ’bhi coimhead an t-sàil’ A’ briseadh air cladach na h-Iar! Beinn Shioin, an Aithne, ’s an Ròimh, Faiceam mu’n teid mi fo’n ùir, Ach ’s beag mo spéis do bhaile fo’n ghréin, An coimeas ri Eilean mo rùin! Ars’ an coigreach, a’ fiosrach dhiom fhéin, Ciod e na h-ioghnaidh a t’ ann? “Ciod iad nach ’eil,” do fhreagair mi deas, “Ma tha sùilean gu faicinn na d’ cheann?” Ach bheirinn a’ chomhairle dhut, Ma ’s duine thu tha meata na d’ chàil, Ma ’s fuath leat fras, na ruith gu bras A choimhead air Eilean mo ghràidh! An toigh leat na beanntan mòr, Cruachan ’s na neòil gu h-àrd? Coireachan, frìthean, dachaidh an fhìr-eoin, ’S an cluinnear na h-easan a’ gàir? An toigh leat na glacagan grianach, Innisean sgiamhach nam bò, Is uamhan ’bheir fonn ri guth nan tonn? Siubhail gu Innis a’ Cheò! Tha Matterhorn taght’ air son chàs, Ma ’s àill leat thu fhein a mhilleadh; Ach cothrom cho saor a ghiorrach’ do shaoghail, Gheibh thu air Sgùr-nan-gillean. Air cladach an t-Srath chi thu ’n còs, Mar gheal shneachd reòt’ gun smàl, Le ’lochan dubh fuar, far an tig air uair Na maighdeana-mara a shnàmh. An Coir’-uisg’ chi thu ’n sud fo dhubh-ghruaim, Cul’-uamhais measg strì nan dùl; ’N uair bhriseas an torrunn le fuaim na doininn, Is mairg nach lùbadh an glùn! [TD 168] There towers the wild Cuiraing, With its battlements grim and high, And the mighty Storr, with its pinnacles hoar, Standing against the sky. Sail round the cliffy West, And, rising out of the main, You there shall see the Maidens three Like Choosers of the Slain; And go wherever you may With a new and deep surprise, The Coolin blue will fill your view, And fix your gazing eyes. Were I a Sovereign Prince, Or Professor at large in vacation, I’d build me a tower in the Isle of Skye, At the expense of the Nation; And there, like a Sea-King, I’d reign, But with a more gentle rule; I’d harry no cattle, nor slay any man, But I’d drive all the children to school! There, in the bright summer days, Stretched on the sward I would be, And gaze to the west on Blaven’s crest, Towering above the sea; And I’d watch the billowing mist Rolling down his mighty side, While up from the shore would come evermore The music of the tide. And when the sun sinks to his rest, ’Mid glory of purple and red, There will flash the light of a thousand spears On Blaven’s cloudy head; And each turreted ridge of black Is lit with a flame of gold, As they hang on high ’twixt earth and sky, A wondrous sight to behold! Pleasant it is to be here With friends in company, But I would fly to the Isle of Skye To-morrow, if I were free! Dunedin is queenly and fair— None feels it more than I; But, in the prime of the summer time, Give me the Isle of Skye! Is chì thu ard-ioghnadh Chuith-Fhraing, Le bhaidealean aibheiseach mòr, ’S an Stòrr cho cas le bhinneinean glas, Eadar do shealladh ’s na neòil. Stiùir timchioll nan creagan gu h-Iar, Is chì thu ag éiridh ’s a’ chuan, Triùir Mhaighdean Mhic-Leòid a’ seasamh gu stòld’, Measg ghàirich ghairbh nan stuadh: ’S ge b’ e àite an toir thu do cheum, Chì thu le ioghnadh ùr, A’ Chuilfhionn ghorm a’ leantuinn do lorg, ’S a’ sàsachadh fradharc do shùl! ’S truagh nach robh mise na m’ Thriath, A’ riaghladh an Eilean mo chridh’, Thogainn mar b’ àbhaist o ’bhunait Dun-Sgàthaich, Is gainne na m’ thalla cha bhiodh; An sud dheanainn suidhe mar Righ, ’S cha chlaoidhinn mo shluagh gu teann, Cha togainn creach, ’s cha spuinninn neach, Ach thrusainn do ’n sgoil a’ chlann! ’S ann leamsa bu mhath a bhi ann, ’S grian shamhraidh a’ lasadh an drùchd, Na m’ shìneadh air feur a’ coimhead nan neul, A’ cadal air Blàth-bheinn nan stùc; Is chithinn an ceathach a’ snàmh, ’S a’ lùbadh mu shlios nan cruach, ’S a ghnàth na m’ aire bhiodh fonn na mara, Ga m’ thàladh gu foisneach gu suain. ’S an fheasgar, ’n uair théarnas a’ ghrian, Gu rìoghail ’s an Iar gu tàmh, Air mullach nam beann mar mhìle lann, Bidh boillsgeadh nan gathan àigh: ’S gach dubh-sgor a’ deàrrsadh gu cas, Fo lannair nan lasraichean òir, Gu h-àrd ’s an speur eadar talamh is nèamh,— Sealladh na maise ’s na glòir! ’S taitneach, measg chomunn a’ bhlàiths, Bhi suidhe ’s mo chàirdean ri m’ thaobh, Ach na’m bu leam iteag, ’s mi ’theicheadh an tiotadh. Do ’n Eilean Sgiathanach chaomh! An t-urram aig cathair Dhun-Eidin, ’S mi fhéin a sheinneadh a cliù, Ach thigeadh an samhradh, ’s bidh mise na m’ dheann-ruith, A’ greasad gu Eilean mo rùin! [TD 169] CUNNTAS BEAG MU THURUS DO ’N EADAILTE. II. Bho mhullach a’ bhealaich, far an d’ rinn sinn tamh an la roimhe, gu ’bhonn air taobh na h-Eadailte, cha robh sinn ach goirid ris an téarnadh an coimeas ris an dìreadh. Ma bha ’n sealladh breagha air an dìreadh, cha ’n ann ’s an téarnadh bu mhios’ e. Tha ’n t-àite is iongantaiche de ’n t-slighe uile air an taobh Eadailteach, far am beil an rathad a’ dol, fad dà mhìle, eadar chreagan, a’ ruigheachd bho 1500 gu 2000 troidh air àirde, agus cho dlùth air a chéile ’s gu ’n saoil thu h-uile tiotan gu ’m beil iad a’ brath coinneachadh, agus an rathad a dhùnadh. Is e ainm an àite so Bealach Ghondo. Beagan na ’s fhaide air aghart, tha na creagan, ’s na beanntan, ’s an sneachd, air am fàgail air chùl, ’s cha ’n ’eil feum air leabhar-iùil a dh-innse dhut gu ’m beil thu ann an tìr ùir, cho eadar-dhealaichte bho ’n duthaich a dh’ fhàg thu ’s a’ mhadainn, ’s a tha Tuath a’s Deas. Tha thu nis an tìr na gréine, tìr na maise agus a’ chiùil, sean dachaidh fir-riaghlaidh an domhain, màthair Chésair mhóir a’s Bhirgill mhilis, Dhante òirdheirc a’s Raphaeil gun choimeas, Cholumbuis éuchdaich a’s Ghalileo nan rionnag; tìr a rug, ’n ar làithean fhein Cabhùr foghainteach, Madsini, am fear deireannach de na Romanaich, agus esan tha fhathast a làthair, fear nan gnìomh, gun char, gun ghò, sàr ghaisgeach nam buadh,—Garibaldi! Cha ’n ioghnadh Eadailteach uaill a dheanamh ann an dùthaich a tha comasach fhathast air a leithid de fhir a ghintinn a’s àrach. Cha b’ ioghnadh e ghleachd, eadhon gu bàs, air son a saoirsinn, agus iolach aoibhneis a thogail an là a dh’ éirich i ’n a neart ’s a bhris i cuibhreach a luchd-sàrachaidh! Ach, mo thruaighe! ’s math a thig dha an osnadh throm air son nan ioma olc ’tha fhathast a’ creachadh a dhùthcha àluinn, ’s a’ lìonadh a càirdean le amharus a’s eagal. An ceud sealladh a fhuair mi air an raon fharsuing, tharbhach, bha ’n a laidhe shìos bhuainn, air a chuairteachadh le beanntan àghmhor, air ’uisgeachadh le aimhnichean lionmhor, ’n a làn chulaidh le fionain a’s crainn-ola, ag gàireachdaich ’s a’ ghréin le tighean ’s le bailtean bòidheach, chunna mi nach robh guth bréige anns na leugh ’s anns na chuala mi mu àilleachd na h-Eadailte. Ann an aon ni chaidh an fhirinn os cionn mo smaointean. Bha fhios agam gu ’n robh beanntan a’s cnuic ’s an Eadailt, bho cheann gu ceann, ach cho robh dùil agam gu ’n robh iad cho lìonmhor agus cho follaiseach bho ’n a h-uile cèarna de ’n tìr. Is airidh i air “tìr nam beann” mar ainm a cheart cho fìrinneach ri “tir nam speur gorm.’ Air son soilleireachd a’s truimead nan dath anns an iarmailt, agus air aghaidh na mara, feumar am faicinn gu ’n creidsinn. Ach a dh-aindeoin sin, gus an fhìrinn aideachadh, breagha ’s ge bheil speuran gorma na h-Eadailte, bha ionndrain nach bu bheag agam, agus sin gu tric, air neòil sgiamhach fhionnar, ’s air ceathach glas drùighteach, ar tìre gaolaich ceòthaich fhein. Thuinich sinn dà latha ann am Milan, an treas baile ’s mò ’s an Eadailte. De sheallaidhean a’ bhaile so, ’s e an t-ioghnadh is mò an Ard-eaglais no a’ Chathair-Easbuig. Cha ’n ’eil a leithid air an t-saoghal. Tha i air a togail gu h-uile de mharmor geal, air a shnaidheadh air dhòigh cho snasmhor, grinn, ’s gur h-ann a chuireas e ’n cuimhne do dhuine, na [TD 170] h-oibrichean iongantach de dhéud-chnaimh a chitear a’ tighinn á China. Ceithir thimchioll nam ballaichean, bho bhonn gu mullach, tha leithid de lìonmhoireachd ìomhaighean air an snaidheadh mar an ceudna de mharmor, ’s gu ’m foghnadh iad, mar a thuirt fear roimhe so, air son luchd àiteachaidh do bhaile cuimseach, na ’n tigeadh iad beo cearta còmhluath. Tha iad ag ràdh gu ’m beil 4500 dhiubh ann mar thà, ’s thathas a h-uile bliadhna ’cur feadhnach ùra ris an àireamh. Ach a dh-aindeoin an lìonmhoiread, tha ’n t-aitreamh cho mòr, agus a h-uile roinn d’e cho cuimir, ’s gur gann a chreideas tu gu ’m bheil urad ann diubh. Bho mhullach na h-eaglais, a rithist, chì thu ’g éirigh, mar gu ’m b’ eadh coille de bhinneinean ’s de spiricean dealrach, maiseach, agus air bàrr gach binnein, ìomhaigh, uile de ’n aon chloich ghil, eireachdail. An uair a theid thu stigh air dorus an teampuill ghreadhnaich so, tha e mar dhol thairis gu saoghal eile, bho sholus ’s bho ghleadhraich na sràide gu samhchair is dubhar an fheasgair. Ge b’ i Eaglais do ’m buin thu, cha ’n urrainn nach fhairich thu, ’s tu ’coimhead troimh na sreathan fad’ ud de charraighean arda, dh’ ionnsaidh nan uinneag de ghloine-dhathte, troimh am beil an solus a’ téarnadh gu sèamh air an àrd-altair, “Cia uamhasach an t-ionad so!” Cha ’n ’eil ùine agam air a bheag tuilleadh innse mu chulaidh-ioghnaidh na h-eaglaise so, ach cha ’n urrainn domh ’s an dol seachad, gun ainmeachadh air an dà charragh de mharmor dearg a th’ air gach taobh de ’n dorus mhor, mar a theid thu stigh. Thathas ag radh gur h-iad sin na clachan-snaidhte is mò a th’ air aghaidh an talmhainn. Tha iad 80 troidh air àirde ’s gach te dhiubh de ’n aon chloich shlàin. Tha sealladh eile anns a’ bhaile so a tha ro ainmeil, dealbh na Suipeir-Deireannaich, air a tharrainn air balla seòmair ’s am b’ àbhaist do mhanaich a bhi gabhail am bìdh. Tha còrr a’s trì cheud bliadhna bho ’n a rinneadh an obair urramach so leis an dealbhadair chliùiteach Leonardo da Vinci. Tha e air a mhilleadh gu dona le àitidheachd an t-seòmair, trid dearmad maslach na feadhnach do ’m bu chòir a ghleidheadh mar ubhal an sùla; ach tha làthair fhathast na tha dearbhadh nach mearachd an t-urram a fhuair e bho chionn fhada mar aon de phriomh oibre ealaidh an t-saoghail. Air mo shon fhein d’e, cha ’n fhaca mi dealbh fhathast a dhùisg a leithid de smaointean annam. A measg mòran de sheallaidhean comharraichte anns a’ bhaile so, cha ’n fhaod mi gun aithris air a h-aon eile, agus ’s e sin a h-aon de na sgrìobhaidhean Gàilig is sine th’ air bhrath, a chaidh a sgrìobhadh ceudan de bhliadnaichean mu ’n robh a’ Bheurla air a breith! Tha ’n leabhar prìseil anns an d’ fhuaradh an sgrìobhadh so, anns an Leabhar-lann a tha ainmichte air Naomh Ambros, a bha ’n a easbuig bho shean ann am Milan. A rêir barail dhaoin’ eòlach, rinneadh an sgrìobhadh le Columban, fear de dheisciobuil Chaluim-chille, agus le sin tha e còrr a’s dà-cheud-deug bliadhna dh’ aois. A dh-aindeoin sin, agus mar dhearbhadh air cho beag ’s a thàinig de atharrachadh air cainnt ar sinnsear re ùine cho fada, rinn mi fhein a mach beagan fhocal de’n t-seann sgrìobhadh ud, agus thug e faireachadh neònach dhomh, mar gu ’m bithinn ag cluinntinn guth an duine urramaich a sgrìobh iad, a’ tighinn gu m’ ionnsaidh thair aigeal an dà-cheud-deug bliadhna! Bha mi dà latha eile ann am Florens, am baile ’s breagha chunn- [TD 171] aic mi fhathast ach Dunéideann caomh. Mar thubhairt muinntir Steòrnabhaigh mu ’m baile fhein, cha b’ iongantach an righ fhein a thighinn a ghabhail comhnuidh ann! Tha fios gu’n d’ thàinig righ na h-Eadailte a ghabhail comhnuidh ann am Florens, agus gur h-ann a bha chaithir-rioghail, gus ’na ghluaiseadh i gu ruig an Ròimh. Chunnaic mi nise le chéile iad, agus ’s éudar dhomh aideachadh gur h-e Florens is annsa leam na an Ròimh, air son seallaidh agus taitnis. A leithid de shealladh de dh-aitreibh ghreadhnach, agus de dhealbhannan luachmhor ’s a th’ anns a’ bhaile ud, cha ’n fhaca mi riamh. Tha dà luth-chairt mhor ann, faisg air a cheile, am Palazzo degli Uffizi agus Palazzo Pitti, cho làn ’s a ghabhas iad de dhealbhan ’s de ìomhaighean a tha do-labhairt ann an luach. Is math an obair-latha dol gu h-aidheiseach bho sheòmar gu seòmar de ’n da lùth-chairt ud, gun mhòran ùine chaitheamh anns gach seòmar. Gun tighinn air na dealbhan, ’s cha’n ’eil an leithid, araon ’an àireamh agus ’an luach, ’an aitreibh eile air an t-saoghal, mur h-’eil an Dresden, cha bheag an sealladh na bùird (ma ’s a ceart an t-ainm) a th’ anns a h-uile seòmar a th’ ann, air an deanamh de chlachan buadhach, air air t-seòl oibre ris an canar mosaic. Tha dealbhan dhaoine, a’s ainmhidhean, a’s lusan, ’s gach seòrsa ni, air an deanamh le mirean de chlachan priseil de gach dath, geal a’s dubh, dearg a’s gorm, buidh a’s uaine, air an cur ri chéile air dhòigh cho snasail ’s gu’n saoileadh tu nach ’eil ann ach an t-aon chlàr, ged is dòcha gu’m bheil miltean de bhloighean beaga air an cur mar sud ri ’chéile. Tha ’n obair so cho saoithreachail ’s gu’ bheil bùird ann de ’n t-seòrsa so air an robh daoine ’g obair fad am beatha. ’S fhurasda smaoineachadh, ’d e luach a leithid sin de bhòrd. Is aithne dhomh fhein duin’ uasal aig am bheil fear dhiubh air an d’ thug e 1500 Punnd Sasunnach. Ach tha mi ’creidsinn gu bheil bùird anns na lùth-chairtean Florentach ud is fhiach a shia urad sin. Cha ’n urrainn dhomh, a measg nan iomadh oibre ealantais ainmeil a tha ’n sud, oidheirp a dheanamh air a chuid is lugha dhiubh ainmeachadh. Cha ’n ’eil an àite air bith eile urad de na dealbhan is taghta le Raphael, agus ’s gann is urrainn do neach breith cheart a thabhairt air cumhachd iongantach an duine ud gun am faicinn. Ach tha aon chuspair ioghnaidh a measg chàich a dh’fheumar ainmeachadh, agus ’s e sin an iomhaigh iomraiteach dh’ an ainm a Venus de Medici. ’S fhad o chuala ’s a leugh mi gu’ m b’e sud an obair is foirfe de ’n t-sèorsa ’chunncas riamh. Bha eagal orm nach coimhlionadh an sealladh mo dhuil, ach cha robh mi air mo mhealladh. Cha ’n ’eil e ’n comas inntinn duine cruth a smaoineachadh na ’s àille, anns a h-uile ball, na ’n iomhaigh ud. Tha suidheachadh a bhaile so air leth taitneach, aig ceann srath thoraich, còmhdaichte le fion-liosan, crainn-olaidh, agus iomadh seòrsa eile de chraobhan is de lusan bòidheach nach aithne dhuinn ach bho leabhraichean. Air an taobh tuath, a’ sineadh gu h-iar a’s ear, tha cnuic bhòidheach, a’s beanntan air an cùl cho garbh ’s cho lom ’s a tha ’n Alba fhéin; agus troimh an bhaile, air feadh an t-srath, tha amhainn bhreagh an Arno a’ siubhal gu sèimh. Air gach cnoc a’s bruaich timchioll a’ bhaile tha tighean eireachdail, a’s ge b’ e cearn a sheallas tu, cha ’n fhaic thu ach maise ’s taitneas. A measg nan sean aitreamh ainmeil tha tùr [TD 172] Ghalileo fhathasd a suas, anns am b’ àbhaist do ’n réuladair mhòr an oidhche chur seachad, ag còimhead na gealaich agus nan rionnag, mar tha Milton ag aithris, a chaidh a choimhead, a dh’ aon ghnothuch, air an duine urramach ’n a phriosan:— like the moon, whose orb Through optic glass the Tuscan artist views, At evening from the top of Fesole, Or in Val d’Arno, to descry new lands, Rivers and valleys in her spotty globe. Thachair gu fortanach dhomh fhéin ’s do m’ chompanach-siubhail gu’n robh againn mar fhear-iùil an t-aon duine bu toigh leinn ’s an Eadailte, fear a mhuinntir na dùthcha, air an robh sinn fada mion-eòlach ’an Dùneideann, far ’na chuir e seachad fichead bliadhna. Thainig an duine cairdeil sin, Dr. Lemmi, astar-latha g’ ar coinneachadh, bho ’n àite far an robh e fhéin ’s a theaghlach a’ fuireach aig an àm, ri taobh na mara, mu 12 mhile deas bho Libhorno: agus ged a bha a thigh ann am Florens dùinte, b’éudar fhosgladh agus sinn a chur suas ann fad an dà latha ’s oidhche bha sinn ’s a’ bhaile. Tha ’n dùthaich ainmeil air son pailteas a’s grinneas an anairt, agus fhuair mi dearbhadh air sin a cheud oidhche ’luidh mi ’an tigh mo charaid, dearbhadh, aig an aon àm, air uaisleachd nan daoine. Bha aodach-oidhche an tighe uile air a chur seachad, agus o’n a bha ’n aimsir gle bhlàth, bha sinn uile làn-thoilicht’ an oidhche ’chuir seachad gun chòmhdach ach am brat-leapa. Ach ’n uair a chual a’ bhean-uasal chòir aig bonn na staidhreach, dh’ am buineadh an tigh, (tigh dhe ’n t-seòrsa tha lionmhor ’an Dùneideann, anns am beil iomadh lobhta, le staidhir chumanta) cia mar a bha, chuir i suas pailteas de ’n a h-uile anart a bha dhith. ’S e bh’ ann, ’n uair a chaidh mi ’luidhe fhuair mi braithean-lin air mo leabaidh cho grinn, gun ghuth bréige, ri nèapaigin pòca mna-uaisle, agus, gus an coltas a dheanamh na bu riochdaile, air an gréiseadh anns gach beannaig le obair-shnàthaid eireachdail. ’S ann a bha seòrsa nàire orm mo chlosach mhòr mhi-loinneil a chàradh ann an leithid de ghrinneas, a dh’ fhoghnadh do bhan-phrionnsa air oidhch’ a bainnse! Còmhla ri m’ dheadh charaid, chaidh mi á Florens gu ruig an t-àite dh’ainmich mi, gu la no dha ’chur seachad ’an comunn a theaghlaich cheanalta. Chunna sinn anns an dol seachad sealladh de ’n ioghnadh ainmeil ud, Tùr Crom Phisa, a tha ’tighinn 14 troidhean thar a ghruaim, ach a sheas a dh-aindeoin sin, còrr a’s 700 bliadhna. Tha suidheachadh baile Phisa gle thaitneach, air bruachan an Arno, agus uaithe tha sealladh breagha de bheanntan Charràra, mu 30 mile air falbh ’s an airde tuath. Eadar Pisa agus Libhorno fhuair mi ’cheud sealladh de ’n Mhuir Mheadhon-thireach. Ged nach robh mi ach ceithir-la-deug gun sàl fhaicinn, rinn mo chridhe léum ris an t-sealladh, ’s chuir mi fàilt oirre mar rinn an deich mile Gréugach bho shean. Cha ’n ’eil àicheadh air gu bheil dath na mara ud na’s doimhne ’s na’s soilleire na tha ri fhaicinn ni ’s fhaide tuath, agus a réir coltais, a bharrachd air soilleireachd anabarrach na h-iarmailt, tha nadur an uisge fhéin ’n a aobhar dha so, oir tha e mòran ni ’s treasa agus ni ’s saillte na sàl a’ chuain. Aig Libhorno (ris an canar gu leibideach ’s a’ Bheurla Leghorn) dh’fhàg sinn an rathad-iaruinn, agus choinnich gille sinn le carbad éutrom ceithir-chuidhleach, air a tharruing le gearran donn easgaidh, a ghiulain gu h-aigeannach sinn gu crioch ar turuis. Bha an rathad fad an t-siubhail os ceann a’ chladaich, le sealladh breagh a dh’ionnsuidh na [TD 173] mara, agus nan eileanan gu h-iar a’s deas,—Gorgona, Copraia, Corsica, Sardinia, agus Elba. Cha robh de loingeas ri fhaicinn ach bàtaichean iasgaich, ag itealaich a null ’s a nall, le ’n dà sheol àrd, bhiorrach, coltach ri sgiathan eoin. Tha cabhlach dhiu a’ seòladh á Libhorno a h-uile maduinn ’n uair a fhreagras an t-side (cha ’n ’eil iad ro mhisneachail air muir) air tòir an éisg do ’n ainm Beurla mullet, seòrsa do ’m buin an carbhanach againn fhein. ’S e ’n dòigh iasgaich a th’ aca, lion fada a shlaodadh eadar da bhàta, ’sèoladh leis a’ ghaoith. Bha ’m feasgar a’ tuiteam ’n uair a ràinig sinn tigh mo charaid, ’s a choinnich sinn aig an dorus a dhithis ghillean tapaidh, calma, leth-Albannach, ’s a chéile thlachdmhor, thuigseach, de shliochd fhial Chlann Domhnuill. Mur d’fhuair mise mo bheatha ’s an fhardaich ud, agus deagh dhiol, ’s eudar gur th’ ann an aisling a thug mi céilidh do m’ charaid Lemmi! ALASDAIR MACNEACAIL. AONACHD A’ CHINNE-DHAONNA. (Air leantainn.) Is iad na Caucasianaich an dream sin a tha ag àiteachadh na cuid is mò d’ an Roinn-Eorpa, Asia nan Turcach, Arabia, Persia agus Innsean na h-airde-near, an Eiphit, Abyssinnia agus ceann tuath Africa, air corsa a’ Mhediterranean. Bho cheann tri chiad bliadhna nis tha iad a’ sgaoileadh agus a’ tuineachadh thar cuid mhor de America, tuath agus deas, ceann deas Africa, Australia agus New Zealand; agus c’àit air bith am faighear iad chi sinn gu bheil iad gu h-ealamh a’ glacadh uachdranachd agus ceannsalachd thar gach treubh a bha anns na duthchannan sin romhpa. Cha ruig mi ’leas innseadh gur ann d’an earrainn so d’ an chinne-dhaonna a bhuineas sinn fhein. Is iad na comharan gu sonraichte a tha ri’m faicinn air an earrainn so, craiceann geal no soilleir—gruaidhean dearg—falt maoth, caisreagach camagach—feusag mhor—aodann beag, direach, na ’s fhaide na tha e leathan—bathais fharsaing—claigeann mor—sron aimhleathan—agus beul beag. Is ann do ’n t-sliochd gheal so a bhuineas na fineachan a bha, agus a tha, gu sonraichte ainmeil air son chumhachdan-inntinn agus cliuiteachd am beusan. Far an suidhich iad iad fein tha na fineachan eile a’ crionadh as; ach is ann gu h-araidh anns na duthchannan sin nach ’eil aon chuid ro fhuar no ro theth a thig iad gus an inbheachd agus an iomlanachd is airde. Ann an cearnaidhean ro fhuar no ro theth tha iad trid uine a’ dol air an ais anns na buaidhean-inntinn agus na comasan cuirp sin a tha gu sonraichte ri ’m faicinn ’n am measg ’n an duthchannan freagarrach fein. Tha na Mongolianaich ag àiteachadh gu h-araidh meadhon agus ceann tuath na h-Asia. Is ann do ’n earrainn so a bhuineas na Turcaich, muinntir China, Japan, ceann tuath na h-Eorpa (na Laplandaich agus muinntir Fingland), agus na h-Esquimaux ann an ceann tuath America. Tha an craiceann buidhe—am falt tana, garbh, agus direach—cha ’n ’eil orra ach fior bheagan feusaig—tha an claigeann aca, ach beag, ceithir-oisinneach—a’ bhathais iosal an t-aodann leathan, comhnard, marbhanta—na gruaidhean ard—na suilean domhain, agus air am fiaradh thun na sroine—an t-sron leathan—agus na bilean tiugh. Ann am buaidhean-inntinn tha iad air dheireadh air na Caucasianaich. [TD 174] Fo ’n earrainn Americanach tha air am filleadh a stigh na treubhan sin gu leir a bha ag àiteachadh na duthcha m’ an d’ fhuaradh a mach i le Columbus anns a’ bhliadhna 1492. Gheobh sinn aca craiceann dearg—falt dubh, garbh—beagan feusaig—claigeann car coltach ris na Mongolianaich, ach beagan na’s aimhleithne agus na ’s cruinne—bathais iosal—suilean domhain—agus sron a’ seasamh a mach. Ann am buaidhean-inntinn tha iad coltach ris na Mongolianaich, ach gu math na ’s fhaide air an ais. Tha an gineal so a’ caitheamh as gu bras roimh ghnuis nan daoine geala ann am America mu thuath. Tha na h-Etiopianaich ri ’m faighinn a mhain ann an Africa. Tha aca craiceann dubh—falt goird, dubh agus greannach—bathais fhada, chaol, agus a’ claonadh air a h-ais—gruaidhean arda—sron mhor, leathan—peircill fhada—agus slipean tiugha. Tha an dream so fada air an ais ann an cumhachdan na h-inntinn, agus lunndach, neo-sgiobalta ’n an giulan. Tha na Malayanaich a chomhnuidh anns a’ chuid mhoir de dh-eileinean a’ Chuain Phacific, Australia agus New Zealand. Tha iad an coitcheann donn anns a’ chraiceann—dubh ’s an fhalt—le falt cruaidh, tioram—claigeann aimhleathan—aodann le cnamhan mora—agus sron mhor, leathan. Ann an eolas agus oileanachadh tha iad fada air an ais, agus gle mhall ann an tighinn air an aghart. Chunnaic sinn a nis cuid de na buaidhean agus na comharan a tha gu h-araidh a’ deanamh suas an eadar-dhealachaich a tha air ’fhaicinn eadar na h-earrannan anns am bheil luchd an fhogluim a’ roinn a’ chinne-dhaonna. Bha sinn uile air ar teagasg o ’r n-oige, ged a bha a leithid a dh-eadar-dhealachadh coltais agus cŏr ri ’fhaicinn air na fineachan fa leth a tha ’deanamh suas sluagh an t-saoghail, air a shon so uile, gu’m b’ aon an cinne-daonna gu leir—gu ’n robh iad uile air an gintinn o aon phriomh-athair agus mhathair. Chleachd sinn a bhi a’ gabhail gun cheist ri facal nan Sgriobtur a tha gu soilleir a’ cur an ceill dhuinn gu ’n do rugadh sluagh an t-saoghail gu leir do aon duine, Adhamh; agus bha sinn a’ cur an eadar-dhealachaidh a bha sinn a’ faicinn anns na treubhan fa leth, air aobharan bho ’n leth a mach, mar tha cor agus suidheachadh an duine—teas no fuachd na tire—aogas na duthcha m’ an cuairt—na cothroman no dìth-chothroman a bha aige air e fein a thoirt air aghaidh ann an eolas aimsireil agus spioradail; ach nach minig a chi sinn daoine agus treubhan am measg sluagh an domhain a tha a’ nochdadh eadar-dhealachaidhnean cho mor agus cho comharaichte ’n an dealbh-cuirp, ’n am buaidhean-inntinn agus ’n an cleachdaidhean, ’s nach gabh iad fagail gu h-iomlan air cor an duine, no suidheachadh agus coltas na duthcha, agus a tha ’g a dheanamh ’n a nì ro dhuilich dhuinn a chreidsinn gu ’n d’ thainig an cinne-daonna gu leir bho ’n aon fhreumh? Cha ’n e mhain so, ach chi sinn iomadh uair gu bheil buaidh gu tur eadar-dhealaichte aig na h-aon suidheachaidhnean air luchd-àiteachaidh moran de na duthchannan fa leth—chi sinn gu bheil am fuachd a tha, a reir coltais, a’ toirt do ’n Esquimaux agus do ’n Laplandach, anns an airde tuath, pearsa iosail, dhaigeil, a’ toirt do na Patagonianaich, ann an ceann deas America, airde fhamhairean; agus aig a’ cheart àm, chi sinn an dluth choimhearsnaich, muinntir Terra-del-fuego, le pearsa neo-ar-thaing co beag ris na Laplandaich. A ris, am feadh a tha an teas fuathasach a gheobh sinn [TD 175] anns na duthchannan mu chearcal-meadhoin na cruinne air a mheas ’n a aobhar mor air an luchd-àiteachaidh ’fhagail lunndach, leisg, agus fuathach air gach gne shaothair agus oibre, nach minig a chi sinn ’n am measg treubhan a tha comharaichte agus ro ainmeil air son gaisgealachd agus tapachd?—chi, agus na mnaithean fein a’ gabhail a mach a chogadh le gaisge agus le déine a tha duilich a cho-shìneadh ris a’ bharail gu bheil teas na duthcha an aghaidh caithe-beatha saoithreachail agus gluasadach. Ged a dh’ aidichear gu saor gu bheil buaidh mhor aig staid agus suidheachadh an duine bho ’n leth a muigh air cor a’ chuirp agus na h-inntinn, tha eadar-dhealachaidhnean am measg a’ chinne-dhaonna a tha air an sìneadh a nuas mar gu ’m b’ ann o athair gu mac fad mhiltean bliadhna agus nach ’eil ach gle bheag air am mùthadh le imrich o dhuthaich gu duthaich, agus, uime sin, nach ’eil a’ faighinn an aobhair ann an gin de na nithean a dh’ ainmich sinn, mar tha, teas no fuachd, cothrom no neo-chothrom, saorsa no daorsa. Cha ’n ’eil aon diubh sin is fhasa thoirt fainear na dath a’ chraicinn. Eadar aon de mhuinntir na Roinn-Eorpa agus aon de mhuinntir Africa tha de eadar-dhealachadh ann an dath—an dealachadh a tha eadar dubh agus geal—’s nach ’eil e soirbh ri ’chreidsinn gu ’m buin iad le cheile do ’n aon ghineal. Nach e aon chuid teas na duthcha no aobharan air bith fo ’n leth a muigh is ceann-fath do ’n chaochladh mhor so eadar an t-Eorpach agus an t-Etiopianach, tha daoine ag innseadh dhuinn gu bheil dearbhadh soilleir againn anns na seann dealbhan a thatar a’ faighinn am measg làraichean na h-Eiphite—dealbhan a tha, co dhiubh, ceithir mile bliadhna dh’aois, agus a tha a’ taisbeanadh dhuinn, air seol nach gabh cur an ag, gu ’n robh a’ cheart choltas air muinntir Africa ann an dath agus ann an cruitheachd ’s an àm sin ’s a tha air an latha ’n diugh; gu ’n robh an dà ghineal a cheart cho neo-choltach r’ a cheile ’s a tha iad a nis, agus, mar so, a’ dearbhadh dhuinn ma ’s e ni air bith o ’n leth a muigh a b’ aobhar, gu ’n do thachair am mùthadh mor so ann an coig ciad bliadhna—nì a tha gu buileach do-chreidsinn. A thuilleadh air so, an uair a bheachdaicheas sinn air a liuthad cànain eadar-dhealaichte ’s a tha am measg dhaoine; agus gu h-araidh am bealach farsaing a tha eadar cor iosal, truaillidh, agus borb, muinntir Australia ann an coimeas ri staid ard, bheusach, agus chiallach an Eorpaich, nach ’eil lan bharant againn gu ’cho-dhunadh nach buin iad idir do ’n aon stoc, ach gu ’n do rinneadh air tus, cha ’n e mar chleachd sinne bhi ’creidsinn, aon duine agus aon bhean, bho ’n do ghineadh an cinne-daonna gu h-iomlan, ach duine agus bean no dhà a co-fhreagairt do na h-earrainnean ’s am faodteadh sluagh an t-saoghail a roinn? Mur biodh Facal Dhe againn—Facal a tha sinn a’ gabhail agus a’ creidsinn mar fhìrinn, agus a tha air a dhearbhadh dhuinn air iomadh doigh gu bhi fior agus cinnteach agus seasmhach—tha mi ag radh mur biodh am Biobul againn a tha a’ cur an ceill dhuinn gu ’n d’ thainig an cinne-daonna gu leir o aon duine, tha iomadh nì ann a bheireadh coltas firinn do ’n bharail a dh’ ainmich mi, gu’n do chruthaicheadh daoine air thus anns na duthchannan fa leth anns am faic sinn mar gu ’m b’ eadh suil no tobar nan sruithean sluaigh eugsamhladh a tha ag àiteachadh an talmhainn; ach tha sinn deas gu ar steidh a thogail air Facal [TD 176] Dhe, lan chinnteach, an aite aon mhearachd fhaotainn a mach no aon fhàiling a rusgadh, gur ann a bheir an solus a thig bho gheur-rannsachadh agus eolas air oibrichean Dhe air teagasgan an Fhacail soillseachadh le dearrsadh ùr, agus air mhodh is comharaichte na rinn iad riabh roimhe. Mur tilg am foghlum a gheobh sinn ann an rannsachadh Rioghachd Naduir solus air a’ h-uile ceum air Facal Dhe, tha mi dearbh chinnteach as ’so,—nach faighear teagasgan obair Dhe ann an ni air bith a’ cur an aghaidh teagasgan an sgriobtuir. Nach i an aon lamh a Sgriobh an da leabhar—Leabhar Naduir agus Leabhar nan Sgriobtur? Mur bhith eagail gu ’n gabhadh a chleir gruaim rium, theirinn gu ’n robh mi dol a ghabhail an rud ris an abair iad “ceann teagaisg,” ach coma co dhiubh, tha mi am beachd nach b’ urrainn duinn steidh a bu fhreagarraiche no ’bu daingre a ghabhail na na facail a labhair an t-Abstol Paul ri daoine foghluimte na Greige,—“Rinn Dia a dh-aon fhuil uile chinnich dhaoine, chum iad a ghabhail comhnuidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shonraich e na h-amanna roimh-orduichte agus criochan an àite-comhnuidh.” IAIN MACILLEBHAIN. (Ri leantainn.) COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—Tha mi faicinn gu’n d’ thàinig thu mar a gheall, a Choinnich; fhuair mi do litir thaitneach an raoir le Séumas Mac Uilleim Mhic Alasdair, agus thog i mo chridhe le Súnnd agus sonas, an uair a chuir thu an céill gu’n robh dùil agad ris a’ Ghoirtean-Fhraoich fhàgail aig briseadh na fàire gu tighinn a dh’amharc orm. Tha dòchas agam gu’n d’fhàg thu mo bhan-ghoistidh chòir, agus an òigridh gu brogail. COIN.—Tàing do’n Fhreasdal, a Murachaidh, tha iad uile eadar bheag agus mhòr, eadar shean agus òg gu feadarra, fallain, agus is mòr am beannachd an t-slainte, agus is beag toilinntinn an tì sin air am bheil i a dhith. MUR.—Is maith an toiseach, a Choinnich, oir as éug’ais na slàinte cha’n ’eil sonas no suaimhneas aig duine, ged bu leis an saoghal mu’n iadh a’ ghrian. Thoir do dhuine uil’ airgiod agus òr a’ chruinne-ché, agus sealbh air uile shaibhreas an domhain, agus cha ’n ’eil ann ach creutair breoite, brònach, bochd as éug’ais na slàinte. Cha toir ni fo’n ghréin toilinntinn dha, agus cha’n urrainn da le fonn no sgairt sam bith, aon chuid a ghnothuichean aimsireil no spioradail a ghiulan air an aghaidh. Cha’n urrainn, oir is deòran truagh e air an talamh; uime sin, cha chomas dàsan aig am bheil slàinte a bhi tuilleadh ’s taingeil do’n Ti Uile-Bheannuichte sin a ta ’g a buileachadh; oir cha’n ’eil beannachd talmhaidh idir ann a choimeasar ris an t-slàinte. COIN.—Is minic, a Mùrachaidh, a chuir thu briathra taitneach an altaibh a chéile, agus gu ma fad a bhios slàinte agus sonas air am buileachadh air do theaghlach, agus ort fein air an ceann. Is toileachas ùr domh do ghùis fhaicinn a ris. MUR.—Is i do bheatha d’on fhàrdaich-sa, a Choinnich, agus nam biodh mo bhan-ghoistidh Seònaid maille riut, mhéudaicheadh e an toilinntinn tri-fillte. Ach is maith na th’ann. Dean suidhe a steach ris a’ ghealbhan; socraich, agus gar thu fein, gus am faighear boinne beag a bhlàthaicheas thu an déigh do thurais agus do sgìthis. [TD 177] COIN.—Cha’n eagal domh, oir tha gach goireas agus deagh-ghean an còmhnuidh ri ’n sealbhachadh ann am fàrdaich fhialaidh, fhosgailte Mhurachaidh Bhàin. MUR.—Tha’n fhàrdach mar a dh’ fhéudas i, oir is dàn a bhi ’talach; ach dlùthaich rium, agus innis domh, a charaid, ciod i do naigheachd. An do chòmhlaich sìthean no sìthichean thu an diugh am measg nan gleann ’snam beann eadar so agus an Goirtean-Fraoich? COIN.—Tha thusa, a Mhurachaidh, cosmhuil ri piobair an aoin phuirt, an còmhnuidh a’ cluicheadh, agus gun a bhi ’cluicheadh ach e. Mar sin, tha thu do ghnàth a’ toirt beum do Choinneach Ciobair bochd, ach cha’n ’eil cron no ciùrradh, éucoir no earchall ann an trom-bhuillibh Mhurachaidh Bhàin? Mar a thubhairt an Salmadair, “Buaileadh am firean mi is caoimhneas e; agus cronaicheadh e mi, is oladh luachmhor e nach bris mo cheann.” MUR.—Tha eagal orm, a Choinnich, gu’n d’ thug thu samhladh, seachad air nach ’eil mise airidh air sheòl sam bith; ach bochd, aineolach, agus neo-airidh mar a tha mi, abram le fìrinn nach ’eil droch rùn na m’ chridhe do Choinneach Ciobair. COIN.—Cha’n ’eil, no do neach eile; oir is cìnnteach mi nach ’eil droch rùn, no droch shùil, no droch dhùrachd ’n ad chridhe do cho’-chréutair sam bith, agus gu sònraichte dhòmhsa. MUR.—Tha mi ’faicinn dh’ aindeoin cùise, a Choinnich, gu’m bheil d’ inntinn a’ ruith air droch-shùil, a’ feuchainn gu’m bheil thu a’ creidsinn gu’m bheil a leithid de ni ann. COIN.—Comadh leat, a Mhurachaidh, labhradh gu leòir mu na nithibh, sin a cheana; ach an creid thu so,—éisd rium a nis,—an creid thu gu’m bheil nithe ann a ta ’n an droch comhar air cùisibh a ta chum teachd? MUR.—Tha fios cinnteach agam gu’m bheil moran ann, a tha ’toirt géill do nithibh àraidh mar chomharan air cùisibh ri teachd, agus a réir nàdair agus gnè nan nithe sin, gu’m bi na cùisean a ta chum teachd aon chuid taitneach no mi-thaitneach. Chual mi na ficheadan de na manaidhean sin ’n am là ’s ’n am linn fein. COIN.—Chual agus mise; ach cluinneam beagan de na nithibh, mu’n chùis so, air am bheil beachd agad, agus thoir do bharail fein mu’n timchioll, a Mhurachaidh. MUR.—Chual mi gu’m bheil e mi-fhortanach a bhi ’faicinn neach a’ cunntadh suas àireimh do chloinne, do chruidh, no do chaorach. COIN.—Chual, agus chunnaic, ach, a Mhurachaidh, na’m faicinn-sa sgimilear dona ag àireamh mo chuid caorach aon chuid a’m follais no’n uaigneas, bheirinn am bata mu na cluasaibh dha; agus tuilleadh na sin, na ’n tugainn fa’near gu’n robh e a’ cùnntadh mo chuid mac agus nighean, no ’foighneachd cia lion a bh’agam diubh, cha b’fhad gus am faigheadh e an dorus, mur iarradh e beannachd a bhi orra-san a bha e ag àireamh. MUR.—Is minic a chual mi sin, a Choinnich. Tha e direach mar gu’n abradh neach,—“Tha mi ’faicinn gu’m bheil deichnear chloinne agad, agus gu’n robh iad air am beannachadh dhuit. COIN.—Ro mhaith, a Mhurachaidh, oir ged robh fichead leanabh agam, tha mi comadh ged robh iad air an cùnntadh air cheann o mhoch gu dubh, mu their esan a ta ’deanamh sin, an da fhocal so, “Beannaich iad.” MUR—Cha’n ’eil fichead paisd agad fathast,—beannaich iad,—ach, a Choinnich, ma leanas tusa agus [TD 178] Seonaid air bhur n-aghaidh mar a ta sibh a’ deanamh, cha’n fhad gus am bi criochan a’ Ghoirtein-Fhraoich tuilleadh’s beag, agus tuilleadh’s cumhann air son meud agus àireimh bhur sliochd,—beannaich iad! COIN.—’S eadh dìreach, a Mhurachaidh, is maith leat an còmhnuidh a bhi ’cur conais ormsa, ach an Ti a thug comas labhairt dhuit-sa, thug e comas éisdeachd dhòmhsa. MUR.—Is maith gu’n d’ thug, a Choinnich, ach am bheil tuilleadh agad ri aithris mu na nithe sin, no am bheil cùisean air teirig dhuit? COIN.—Air teirig! cha’n ’eil mi ach ann an toiseach a’ ghnothuich, agus na’m biodh mo bhan-choimhearsnach Ealasaid nighean Uilleim mhic Ruaraidh an so, chumadh i seachdain thu a’ cur nan nithe so an céill. Ach comadh sin, a Mhurachaidh, an cual thu riamh gu’m bheil e mi-fhortanach àireamh còrr sluaigh suidhe a dheanamh aig bòrd, mar a ta cuig, seachd, naoi, agus aon-déug, agus tha tri-deug aig bòrd ’n a àireamh co neo-shealbhach a’s mar cuirear aon diubh a mach as a’ chomunn, gu’m faigh neach eigin de’n chuideachd a ta làthair am bàs mu’n tig a’ bhliadhna sin gu crìch. MUR.—Tha sin uile gle iongantach ma ’s fior e, a Choinnich, agus cha’n fhéud e bhi nach ’eil droch shùil aig aon air chor-eigin dhiubhsan a ta ’n an suidhe aig a’ bhòrd, oir ciod eile ach droch shùil a dheanadh ni co cianail ri sin. COIN.—Bi ’n ad thosd, a Mhurachaidh, oir tha mi sgìth dhe d’ bharail-sa mu chumhachd na droch shùla. Tha deagh-fhios agam nach ’eil thusa a’ creidsinn anns a’ chumhachd sin, agus cha ruig thu leas a bhi ’deanamh fochaid ormsa, a’ charaid. MUR.—Tha e glé cheart nach ’eil mi a’ toirt mòran géill do ni sam bith de’n t-seòrsa, a Choinnich, ach an déigh sin, tha sinn a’ faotainn eolais air nàdar an duine, le bhi a’ beachd-smuaineachadh air barailibh agus cleachdannaibh éugsamhladh d’an robh iad a’ toirt géill, agus d’am bheil na mìltean fathasd a’ toirt géill anns gach cearnadh de’n rioghachd. Gun teagamh, chual mi aig mòran, agus a’m measg chàich aig an duine urramach, fhòghluimte sin “Bun Lochabair,” gu’m bheil e neo-shealbhach imeachd tarsuing air na slataibh-iasgaich air a’ chladach, an uair tha’n sgiobadh a’ deanamh deas chum an cuan a thoirt orra. COIN.—Cha’n ’eil fios agam cia aca ’s droch shùil, no droch cas sin, a Mhurachaidh, ach tha e glé cheart, agus cha chuir na h-iasgairean ràmh air tonn, gus an imich an neach sin air ais a ris air na slataibh, agus le sin gu’m bi an droch bhuaidh air a smàladh as. MUR.—Cha’n ’eil e furasd a chreidsinn gu’m biodh amaideachd co mòr ann an ceann duine ghlic sam bith, no gu’n tugadh creutair reusonta sam bith géill da. COIN.—Bha do shinnseara fein gle ghlic ’n an là ’s ’n an linn fein, a Mhurachaidh, agus thug iad géill do na nithibh sin. Ach an cual thu riamh nach ’eil e sealbhach deoch-slainte cuideachd sam bith òl ceithir thimchioll ach a réir cuairt na greine? MUR.—Is tric a chual agus a chunnaic mi sin, a’ Choinnich, ach cha’n ’eil mi idir a’ smuaineachadh gu’m bheil brìgh no bladh sam bith anns na nithibh sin. A nis, a Choinnich, am bheil thusa a’ creidsinn nach ’eil e sealbhach uisge salach a thilgeadh a nach an déigh laidhe na gréine, agus mu’n éirich i?—innis domh. COIN.—Tha do bhan-ghoistidh, Seònaid, a’ creidsinn sin, oir b’fhearr leatha a’ ghriosach a bhàthadh leis an uisge sin, na ’thilgeadh a mach [TD 179] air an dorus an déigh tuiteam na h-oidhche. Ochan! is i nach deanadh idir. MUR.—Och mo chreach! Is leoir Coinneach Ciobair fein a bhi làn saobh-chrabhaidh, co làn is tha ’n t-ubh de’n bhiadh, ged a bhiodh Seonaid chòir tuigseach agus glic. COIN.—Tha mi fada fada ’n ad chomain, a Mhurachaidh, air son do dheagh-bharail dhiom-sa, ach is comadh co dhuibh, oir mar a thubhairt mi cheana an Ti a thug comas labhairt dhuitse, thug e comas éisdeachd dhomhsa. Ach stad ort, a charaid, an cual thusa riamh nach ’eil e ceart uaigh a bhi fosgailte air an t-Sàbaid, oir ma bhitheas, cladhaichear uaigh air son neach eile ’s an teaghlach mu’n criochnaichear an t-seachdain. An creid thu sin a nis. MUR.—Ma ta, cha chreid; ach an creid thusa mur ragaich corp an déigh a’ bhais, gu’m bi bàs eile ’s an teaghlach mu’n duinear a’ bhliadhna? COIN.—Is mi a chreideas, oir bha dearbhadh agam air. Ach, a Mhurachaidh, tha e ’n a ni ro chinnteach gu’m bheil bàs am fagus an uair a chluinnear ùlfhartaich chon air an oidhche, no ma chithear ròcas, no pitheid ag itealaich, agus a’ leúm air mullach an tighe. MUR.—Ma ta, a’ Choinnich, tha mi fein ag aideachadh nach toigh leam na creutairean iteagach sin a bhi dlùthachadh ris an fhàrdaich, oir beagan mu’n do ghabh Domhnull Beag againn an tinneas a thug a mach e, cha charuicheadh fionnag mhòr, ghlas bharr simileirean an tighe rè na seachdain mu’n do chaochail e, agus an déigh sin cha’n fhacas riamh tuilleadh i. COIN.—An d’ fhosgail sin do shuilean, a Mhurachaidh, oir ma tha comhar mar sin ceart aig aon uair, car son nach biodh a leithid sin ceart aig uair eile? MUR.—Gle chothromach, a Choinnich, agus tha do cheist, glè nadurra. Cha’n ’eil teagamh agam nach ’eil thusa a’ creidsinn gu’m bheil mòran nithe iongantach air an deanamh leis na h-eoin, an uair a chruinnicheas iad, agus a chumas iad a’ phàrlamaid mhòr aca fein. Cha’n fhad o’n thug an t-uasal geanail, fòghluimte sin “Bun Lochabar” seachad earrann mhòr de “Bhàrdachd nan eun,” ach dheth sin bheir e tuilleadh seachad fathasd, an uair a gheibh e greim air. Is bàrdachd so a tha ceudan bliadhn’ a dh-aois, agus a dh’ airiseadh o shean, agus feudaidh e bhi fathasd le seann daoinibh ann an Uthisd, anns an Eilean Sgiathanach, agus ann an cearnaibh eile de ’n Ghaidhealtachd. COIN.—Ma’s maith mo chuimhne, bha na h-uiread de “Bhàrdachd nan eun” aig seann Dhomhnull Tailear a bha deanamh mach nach tuigeadh iad lide ach fior Ghaidhlig. MUR.—Fior Ghaidhlig gu’n teagamh, oir tha “Bun-Lochabar” a toiseachadh na bàrdachd mar so:— “’Nuair bha ’Ghaidheilig aig na h-eòin, ’S a thuigeadh iad glòir nan dàn; Bu tric an còmhradh anns a’ choill Air iomadh pòing, ma’s fior na Bàird.” COIN.—Ro cheart—“comhradh air iomadh poing,” agus còmhradh mu’n bhàs, chum rabhadh a thoirt uime mu’n tig e. MUIR.—O, a Choinnich, cùm do theangadh, agus na cluinneam tuilleadh mu’n ghlòrais sin. Tha eoin gu leoir ’s a’ Ghoirtean Fhraoich, ach ma tha cainnt nam beann aca, bu chòir doibh comhairle a thoirt air Coinneach Ciobair, gun e bhi cho faoin-chreideach. COIN.—Cha mhi-thaitneach leat idir, a Mhurachaidh, a bhi ’cluinntinn mu na nithe so uile, ged nach aidich thu a bhi ’creidsinn annta; ach ma dh’ innseas tu an fhirinn, is tric a chual agus a chunnaic thu gur mi- [TD 180] shealbhach agus cunnartach an ni creadhal fhalamh a luasgadh. Cha ghabhadh Seònaid an saoghal agus sin a dheanamh. Rachadh i air chrith mar shlait ’s an t-sruth, na’m beanadh aon de ’n chloinn do’n chreadhail agus an leanabh aisde. MUR.—Cha’n urrainn domh aicheadh nach cual mi sin, a Choinnich, ach is iomadh ni a chual mi riamh anns nach robh firinn no blagh; ach comadh co dhuibh, am bheil tuilleadh dheth na nithibh sin air chùimhn’ agad? COIN.—Is maith leat a bhi ’g an cluinntinn, a Mhurachaidh, chum comus fhaotuinn air a bhi ’g an diteadh; ach tha mi ’creidsinn gu’m bheil an gloc ni’s miosa na’m builleadh, agus le sin gheibh thu an tuilleadh agus an tuilleadh dhiubh. An cual thu nach eil e sealbhach a’ ghealach ùr fhaicinn troimh uinneig? Air an dóigh chéudna, cha’n ’eil e sealbhach dol a stigh do thigh anns am bheil thu gu tamh a ghabhail, air an dorus chùil. Ach gabh beachd air so, ma bhriseas tu do chnàmhan le tubaist sam bith, cha’n ’eil e glic no sealbhach dhuit dol dh’ ionnsuidh an léigh chum an ceangladh suas, oir tha na léighean gu tur aineolach air gach ni mu chnamhan na coluinn, ged tha iad eòlach air euslaintibh eile a leigheas. MUR.—Is tric a thug mi sin fanear. An uair a bhris Callum Bàn Mac Uilleim Mhic Shéumais a chas an uiridh aig Coire-nan-eilid, ged bha an Leigh Mac Mhuirich ’s an ath thigh aig an àm, cha leigeadh iad leis meur a chur air Callum, ach chuireadh fios gun dàil air Fearchar Gobha dh’ ionnsuidh na ceardaich, thainig e, agus cheangal e suas a’ chos, ach ma cheangal, tha i cho cròm an duigh ri bùlas na poite, agus cha bhi i ceart aige gu bràth. Ach is mòr a ni an t-aineolas, agus is minic tha an t-aineolas an da chuid dall agus dàn. COIN.—Tha mi ag aontachadh gur e an ti a dh’ ionnsaich ealaidh no ceairde sam bith, an ti aig am bu chòir am barrachd eòlais a bhi mu’n chùis, ach an déigh sin ghabhadh moran Fearchar Gobha, agus dheanadh iad tair air an Leigh Mac Mhuirich, agus cha’n ’eil fios agam nach e sin a’ cheart chleas a dheanadh Murachadh Ban fein. MUR.—Cha’n ’eil fios agad, agus tha sin direach co maith, ach tha mi an dòchas nach bi mi an eiseimeil aon de’n dithis. Ach am bheil fios agadsa, a Choinnich, gu’m bheil mòran ’s a’ bharail nach ’eil e cneasda leanabh-nighinn a bhaisteadh ’s an aon uisge ri leanabh-mic oir ma nithear sin, fàsaidh féusag co fad ri m’ lùdaig air min-ghnùis na caileig bige. COIN.—Cha’n ’eil teagamh agam nach fàs mur baistear i an toiseach, ach ma bhaistear fanaidh a gnùis co lòm ri dearnadh mo laimh. MUR.—Tha thusa, a’ Choinnich, mar a bha, a’s mar a bhitheas tu, agus is diomhain a bhi labhairt riut. Am bheil thu a’ creidsinn, ma ta, gu’m bheil nàdar na h-aimsire air fhaotuinn a mach le cumadh, coslas, dreach, teachd, agus trathanna na gealaich? COIN.—Tha cho cinnteach is gu’n dean dhà agus tri cùig. MUR.—Am bheil thu a’ creidsinn nach ’eil e ceart crodh no caoraich, no beathaichean sam bith eile a mharbhadh ann an caitheadh na gealaich, do bhrìgh le sin a dheanamh, gu’n crion an fheoil aca ’s a’ phoit air an teine; ach air an laimh eile, rachadh an coirce a bhuain, am feur a spealadh, na craobhan a ghearradh, agus a’ mhoine a bhuain ann an caitheadh na gealaich, do bhrìgh gur e sin an t-àm a’s fearr air son tiormachaidh agus caoineachaidh a ta idir ann. [TD 181] COIN.—Tha na’s leòir againn an diugh de na nithibh sin, rachamaid a ghabhail sràide, agus a dh-amharc air na caoraich agus na h-uain. MUR.—Tha mi glé dheònach, oir is fearrde sinn an àile fhaotuinn. ALASDAIR RUADH. GLEANN AFARIC. FAILT agus furan air a’ Ghaidheal. Tha mi ’n earbsa gu’m beil thu fhein slàn, fallain; ’s gu’m beil gach cùis a’ soirbheachadh leat a réir do mhiann. A nise gabham dànadas ort: tha dùil agam nach droch oilean dhomh mo bheachd innse dhut gu saor, soilleir; gu sonraichte, bho ’n a tha sinn iomadh bliadhna eòlach air a cheile. Galbh mo leisgeul, ach tha iongantas mor orm, thu chur litir na “Ban-Sàilich” air bord do chàirdean ’s a’ mhios so chaidh. Tha na ceudan deth do luchd leughaidh eadar Alba, Canada agus Nova Scotia air an cuir an litir ud làn an cinn a dh-iongantas. Gun teagamh tha cuid de shluagh òg ann an America, agus air Gaeltachd Alba nach cuala guth riamh roimhe so mu dheidhinn Afaric Chruaidh, no Afaric Mholach a bhi an geall airgid aig muinntir Chinntaile: Ach ma bheir thusa cothrom dhomhsa air ma sgeula sgaoileadh cho fad agus cho farsuinn ’s a sgaoil thu sgeula na Ban-Sailich bidh fios aig gach aon duibh sean ’s òg air firinn na cuise. Feuchaidh mi an t-suim, an t-àm, agus ainm an duine phàidh an t-airgiod-gill do na Sailich. Ach le d’ chead, bheir sinn tionndadh no dha ’s an dol seachad air litir na Ban-Sailich. Tha e ro dhuilich leam focal suarach a chantainn mu bhan-choimhearsnaich. Ach dh’ innis i dhut (a reir coltais chreid thu i) “gu ’n do mharbhadh ‘Muireach Fial’ ann an tigh-òsda Shruidh.” Tha so nar, ’s gun luach prine chaoil, no cudthrom fionnain fuilt a bhi mar dhearbhadh aice air na thubhairt i. Tha i cantainn gu’n robh “Gille comhla ri Muireach Fial, gu’n deach e dhachaidh, ach bha cràdh-cogais aige air fhein agus dh’ fhalbh e rithisd an ceann cheithirladiag, fhuair e ‘Muireach Fial’ air urlar puill marbh. Fhuair e air a thogail e agus thiodhlaic iad e ann an cladh Shrath-Ghlais.” A nise ma chaidh Muireach Fial a bhàthadh, no mhilleadh, agus gur e ghille fhein “aig an robh cràdh-cogais air fhein” a fhuair marbh e agus a thiodhlaic Muireach mar uidhe astair là ghoirid gheamhraidh do theis meadhon Chinntàile, gun fhios a thoirt dha chinneadh na dha chàirdean—nach ’eil a’ chuis ro choltach ris gu’n robh fios aig a’ ghille roimh-laimh air a’ cheart àite anns an robh Muireach ’n a laidhe? Tha i deanamh mach “gu’n robh deigh mhor aig na Sàilich air greim fhaotainn air cuid de na Glaisich a los am marbhadh. “Ach cha do leig an t-eagal leis na Glaisich gnothuch a ghabhail riu.” O! a chluas, a chluas, nach éisd thu—“’s searbh a ghlòir ris nach faodar eisdeachd.” Ach gu cinnteach ceart tha e ro dhuilich eisdeachd ri bhi cùl-chaineadh nan Glaiseach; daoine air nach robh eagal eile riamh, ach eagal Dhia a mhain. “Ach thog na Sailich leac as a’ chladh, agus thug iad leo ‘an leac an dùil gu ’n leanadh na Glaisich iad.’ An cuala am mac no ’n t-ath-air riamh roimhe a leithid so de sheanchas? Tha clach ann an Cill-Duthaich ris an abrar ‘an leac chuileineach’; ach a reir barail dhaoine geur, glic, firinneach ’s ann à Gleann-lic am braighe Cro Chinntàile a chaidh a toirt. Eisd [TD 182] ris a chuid-sa de ’n sgeula:—Fhuair duine truadh aig an robh droch ‘bhean a thug Peairt oirre’ Bann Mhuirich Fheil ‘agus air dha bhi ann am breislich eadar chadal ’s duisg dh’ innis e gu’n d’ fhuair e Bann Mhuirich Fheil ann an seann bheinge.’” Shaoileadh iomadh fear gu ’m faodadh sgeula na “beinge” grad-stad gun dol na b’ fhaide, ach tha Bhan-Saileach ag radh gu’n do chuir fear de luchd eòlais “an eachdraidh so uile an ceill do dh-fhear-lagha air an robh eolas aige an Duneideann.” Nach ann aig a’ Bhan-Sailich ’s aig a “ghille ruadh,” a bha barail a’ bhruic de ’ladhran air luchd lagha Dhuneideann? An robh duil aca gu’n gabhadh fear-lagha air bith, Deas no Tuath bonn suim no dragh deth sgeula breoite na Beinge bha falbh ’n a càth? A nise eisd riumsa agus bheir mi sgeula firinneach dhut mu Ghleann Afaric:—Bha ceann shuas a’ ghlinne so fad iomadh bliadhna ’n geall airgid aig muinntir Chinntaile: Ach PHAIDH Cailean Chnoc-Fhinn a h-uile ceann bonnasia dheth an t-suim, eadar chalpa, riadh, agus chostas. Thainig an t-iomlan gu Da-Mhile-dheug Marg. Cheangail an Siosalach gach Srath ’s Monadh, gach Beinn ’s gleann ’s bealach gach coire ’s fuaran, gach lùb ’s sliabh ’s fireach deth ’n talamh a lasaich e fhein dha Cailean Chnoc-Fhinn. Agus bha an ceangal a thug e dha air an talamh sin, air a làn-dhearbhadh. ’S e fear-lagha dh’a m b’ainm Alastar Friseal a sgriobh an ceangal agus a chuir sios an leabhar-cuimhne anns a’ Chananaich e air la ’eil Moire 1679. Fhianais ort fhein, mur d’ rinn am Frisealach a ghnothuich cruadh, glan, snasail. Da-fhichead bliadhna agus a dha an deigh sin, chuir bàillidh an righ fear dh’ a m b’ ainm Uilleam Ros) roimhe gu ’m feumadh iad màl Afaric a phàidhadh dha fhein as leth Righ Deorsa: ach choinnich Iain-Ruadh Chnoc-Fhinn e ann an Caisteal-Eirichealais air an 26mh la fichead de mhios meadhonach an fhoghair 1721. Bha so sia bliadhna an deigh la Sliabh-an t-siorra, agus mar tha fios agad, chaill an Sioslach an oighreachd air son eiridh an aobhar an righ dhlighich. Mar thuirt mi, chuir an Rosach a thagradh an ceill, ach chuir Iain ruadh an ceangal a fhuair athair air Afaric air a bheul-thaobh, agus cha b ’urrainn do ’n Rosach dol na b’ fhaide leis an tagaradh. Bliadhna agus da mhios roimhe an la sin sheas an ceangal so gu laidir daingeann an aghaidh àrd chismhaor an Righ:—b’e sin, Seumas Baillidh (W. S.) am fear bho ’n d ’thainig teaghlach Dabhach-a-phuir. Fhuair an duine so h-uile sgriob de thalamh an t-Siosalaich ach na bha ceangailte aig fear Chnoc-Fhinn deth. Reic am Bailleanach an talamh ri Seorus Mac Coinnich, i. e. Fear Allan, agus thug e còir-dhligheach dha air, anns a’ bhliadhna 1720. Reic Fear Allan an talamh a rithisd anns a’ bhliadhna 1727 ri Alastair Siosal Fear-Mhucarachd agus thug fear Mhucarachd an Oighreachd air a h-ais do Cheann-Cinnidh nan Siosalach. A nise tha so a’ dearbhadh a dh-aindeoin righ no uachdarain; a dh’ aindeoin na rinn am Bailleanach, an Rosach, agus a’ chuid eile de luchd dreuchd an righ, nach d’ fhuair iad greim no cearb air obair an Fhrisailich. Tha e soillear gu’n d’ fhàg e Bann Fhir Chnoc-Fhinn gun chron, gun mheang. Chaill an Siosalach an oighreachd a rithisd an deigh la Chuil-fhodair; ach cha do chaill fear Chnoic-Fhinn Afaric gus an d’thug e dha Cheann-cinnidh an Siosalach i, mar rinn Fear Mhuc- [TD 183] arachd beagan bhliadhnaichean roimh an àm anns ’na cheangladh an oighreachd ris a’ Chrùn. Tha dà-cheud bliadhna ach ceithir bho ’n chaidh an t-airgiod-gill a phàidheadh do na Sailich: ach bha iad fad dha fhichead bliadhna ’s h-ochd an deigh sin a’ paidheadh màil á ceann shuas Afaric. Bha cuid de mhuinntir Chinntaile ’n an coimhearsniach cho math, cho tuigseach, agus cho reith-bheairteach ri daoine sheas riamh ann an leathar mairt. Ach bha cuid eile dhiubh ro dhraghail, agus ro laghail. Cha b’ann le’n deoin a dhealaich a’ chuid so dhiubh ris a’ ghleann. Ach b’ fheudar iad fhein agus a h-uile bà a’s each, ’s caora ’s gobhar, gach nì eile bhuineadh dhaibh, a sguabadh a mach á Afaric Chruaidh ’s a Afaric Mholaich, agus an cur a mach thair Beallach-Coire-chait. Beannachd leat, turus math dhut, ’s gu’m bu slan a thig thu rithisd an rathad so. BAN-GHLAISEACH. An Giblin 1875. SOP AS GACH SEID. CU FHINN. Gnos mar chuaille, Cluas mar dhuilleach; Earball mu’n speir, ’S an speir mar chorrna. Bha duine coir ann roimhe ag comhairleachadh dh’ a nighinn gun ghille bha ’n sid a phòsadh, “agus,” ars esan, “Ise a phòsas tha i deanamh gu math; ach ise nach pòs tha i deanamh na ’s fhearr.” “Ma ’s ann mar sin a tha,” ars an nighean, ni mise gu math, agus an fheadhain a thogras deanamh na’s fhearr deanadh iad e.” CUMA GAMHNA. Am bronnach geamhraidh, ’S an seang earraich; Agus Ceann mor a’s amhach chaol, Aogasg an droch ghamhna. AN T-ASAL AGUS AN CLUARAN. Bha asal ann roimhe so an am an fhoghair a’ dol do ’n achadh bhuana le sac bidh thun an tuathanaich agus nam buanaichean. Air an rathad thachair cluaran mor, briagha air, agus leis an acras tòisichear air ’iche; agus mar a bha e ’g a chnuasachadh, dh’ éirich na smaointean so ’n a inntinn: “Is ioma fear ailleasach, sòghail, a mheasadh ’n a chuilm na th’ agamsa air mo mhuin ’s na cléibh, ach is mor gur blaisde ’s gur fhearr dhomhsa an cluaran so, ge searbh e ’s ge biorach a chalg, na a’ chuilm is sòghaile.” “Cha tuig an sàthach an seang, Is mairg a bhiodh ’n a thraill dh’ a bhroinn.” Suirdhe fada bho laimh, ’S pòsadh am bun an doruis. AN SAIGHDEIR AGUS A’ CHAILLEACH. Bha saighdeir là dol suas an t-sràid ann am baile Hamilton, a’s sogan ’n a cheann an deigh dha bhi greis ’s an tigh-òsda. Thachair e air caillich bhochd ’s chuir e fàilt oirre—“Cia mar thà sibh, a mhàthair?” “Tha mi ’n eatorras,” ars ise, “ach b’ fheairrde mi fios a bhi agam co tha ’g am fhoighneachd.” “Nach aithne dhut idir mi?” ars an spailpeir dearg. “Cha ’n aithne gu dearbh,” ars a’ chailleach, “cha ’n fhiosrach mi gu ’m faca mi riabh thu.” “An ann mar sin a thà,” ars esan—“is mise ma ta, mac piuthar ‘an fhir ud!’” “Am beil thu fhein ag ràdh sin,” ars a’ chailleach, “ma ta, tha thu fior choltach ri bràthair do mhàthar!” [TD 184] ORAN GAOIL. [Ceòl] Ill ù ill ó, hó rŏ éile, Ill ù ill ó, hŏ ró bha hó, Ill ù ill ó, hó rŏ éile. Moch ’s a’ mhadainn rinn mi gluasad, Dhìr mi a mach ri Beinn Cruachan. Dhir mi a mach, &c., ’S theirinn mi lag an fhraoich uaine. Theirinn mi lag, &c., ’S shuidh mi aig tobar an fhuarain. Shuidh mi aig tobar, &c.; Chìr mi mo cheann ’s dh’ fhàg mi ghruag ann. Chìr mi mo cheann, &c., Dh’ fhàg a’s falt mo chinn ’n a dhualan. Dh’ fhàg a’s falt, &c., Suil g’an d’ thug mi thar mo ghuallainn. Suil g’an d’ thug, &c. Chunna mi ’tighinn na h-uaislean. Chunna mi ’tighinn, &c., ’D é, ma bhà, cha robh mo luaidh-s’ ann. ’D é ma bha, &c., Fear a’ chinn duibh ’s a’ chòt uaine. Fear a’ chinn duibh, &c.,— Cha robh, a ghaoil, gu ’m b’ fhada uam thu. Cha robh, a ghaoil, &c., Bha té eil’ aig baile ’d bhuaireadh. Bha té eil’ aig baile, &c., ’S chaidil thu ’n raoir air a cluasaig. Chaidil thu ’n raoir, &c., Ach ’s aithne dhòmhsa ’d é chum uam thu. ’S aithne dhomhsa, &c., Tainead mo chrodh-laoigh air buaile. Tainead mo chrodh-laoigh, &c., Lughad ’s a bha dubh no ruadh dhiùbh, Lughad ’s a bha dubh, &c., Lughad ’s a bha caisionn, guaillionn. Lughad ’s a bha caisionn, &c., Ach ’d é ma ’s ise ’s truime buaile, ’D é ma ’s ise ’s truime, &c., ’S mise ’s càirdich’ do na h-uaislean. ’S mise ’s càirdich, &c., A dhìreadh ’s a thearnadh ri Cruachan. A dhìreadh ’s a thearnadh, &c., Le ’m flasgaichean air an cruachainn. Le ’m flasgaichean &c., Le ’n gunnaichean air an guaillnean. Le ’n gunnaichean, &c., A dhol a shealg na h-éilde ruaidhe. A dhol a shealg, &c., Mar sin a’s lach a’ chinn uaine. Mar sin a’s lach, &c., ’S a’ bhric air linne nan cuairteag. ’S a’ bhric air linne, &c., ’S mithich tearnadh le Beinn Cruachan. Is ann bho m’ dheadh charaid Donull Greum a fhuair mi an t-oran binn so—cha chreid mi nach taitinn e riut. MAC-MHARCUIS. [TD 185-192] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 193] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] TREAS MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1875. [43 AIR. SEAN-FHOCAIL. VI.—AN DALL AIR MUIN A’ CHRUBAICH. Anns an aireimh mu dheireadh de’n Ghaidheal thug mi air aghaidh am beachd gu bheil maise, grinneas, ’us snas, an Corp ’s an Inntinn, dual d’ar Cinneadh; agus dh’fheuch mi ri dhearbhadh, le eisempleirean á litreachas ar Sluaigh ’s an Rioghachd so, gu’n d’fhuiling sinn do’n bhuaidh urramaich sin a leithid de ughdarras fhaotainn thairis oirnn, ’s gu’n d’fhas i gu tric ’n a coire an aite bhi ’n a cliu dhuinn. ’N ar dian ruith as deigh Fuaim chaill sinn ro thric sealladh air Firinn; agus, air uairean, saoilidh mi gu’n d’thug luathas an t-siubhail ar Claisteachd cho math r’ar Sealladh uainn. Ach cha robh a’ chuis mar so an comhnuidh. “Chaill sinn am magh air a’ chluain” air amannan; ach tha e fathasd fior gu’m faighear ’s a’ Ghaidhlig, cha ’n e mhain fuaim thaitneach, ach smuain gheur air a sgeadachadh ann an cainnt mhaisich air nach d’ thoirear barr an canain eile. ’N ar Sean-fhocail gheibhear gu tric an t-aonadh dligheach so eadar smuain ’us cainnt. Chunnaic sinn eisempleir no dhà air a’ bhuaidh so cheana; ach air an àm, cha ’n e doimhneachd na smuain ach snas na cainnt a tha ’m bheachd a shoillearachadh leis an t-Sean-fhocal a ghabh mi mar steigh. Am faighear ann an cainnt, an comhradh, no an litreachas nan Gaidheal am feart ris an abrar anns a’ Bheurla wit, agus, ma gheibhear, ciod e ’dhreach no ’ghne? Gheibhear, deir an leughadair, oir ciamar a nithear Sean-fhocal as eugmhais. A reir mo bheachd fein ’s e ’m feart so beatha an t-Sean-fhocail. Ach tha cuid de atharrach barail. Tha iomadh Sean-fhocal aig Goill Albainn; ach their na Sasunnaich gu tric nach faighear an ni sin ris an can iad fein wit am measg nan Gall, agus tha e gun teagamh fior nach ’eil focal againn ’s a Ghaidhlig a dh’ eadar-theangaicheas gu dligheach am focal beag brighmhor so. Ach ged nach ’eil aon fhocal Gaidhlig againn a fhreagras do’n fhocal Bheurla, tha ’bhuaidh inntinn a tha ’m focal Beurla ’cur an ceill dligheach d’ar Sluagh. Gheibhear an doigh-chainnt am measg nan Gaidheal gu tric ’n ar latha fein, agus dearbhaidh ar litreachas gu’n robh am feart ceudna air a chleachdadh mar mhodh-teagaisg ’s an àm a dh’ fhalbh. Is feart e, a reir mo bheachd, aig a’ bheil aite an inntinn an duine, agus a gheibhear, ann an tomhas mor no beag, am measg gach Sluagh. Is modh-teagaisg e a tha fior chumhachdach, ach fior chunnartach. Air àm ’s an àite iomchuidh, tha e cho dligheach ’s a tha e cho comasach; ach is arm e tha sabhailte an laimh na ceille a mhain. Tha fios againn uile gur e crioch araid cainnt fiosrachadh a ghiulan eadar duine agus duine a chum agus [TD 194] gu’n tuig an dara aon smuaintean an aon eile. Cha ruig sinn a leas a bhi feoraich an traths’ co-dhiu a bhuilicheadh comas labhairt air an duine le ’Chruith-fhear a thuilleadh air ceud-faithean inntinn, no co-dhiu is feart so a tha co-cheangailte ri oibreachadh nan ceud-faithean sin. Is feart e nach buin ach do’n duine a mhain de chreutairean cruthaichte. Ach ciod e ’chumhachd, cha ’n ann a mhain a chum smuaintean a chur an ceill, ach a chum buaidhean na inntinn ardachadh gus an inbhe gus a’ bheil e comasach dhoibh ruigheachd, cha ’n urrainn an neach is farsuinge inntinn ’n ar measg a thuigsinn no ’bhreithneachadh. ’S e priomh chrioch cainnt co-luadar eadar inntinn duine ’s duine a dheanamh comasach; ach, eadhon am measg nan Cinneach is buirbe, cha’n ’eil a cumhachd air aon chor a’ stad an so. Cha ’n fhoghainn leat do choimhearsnach a dheanamh fiosrach; is miann leat a theagasg, iompachadh, a thoileachadh. Gheibh thu mar so an t-oradaiche a’ stri ris an tuigse aomadh gu bheachd fein; an labhraiche ’s an searmonaiche a’ stri ris an toil a lùbadh; ’s am bard a’ toirt toilinntinn cho maith ri foghlum do uile bhuaidhean na h-inntinn, eadar smuain ’us fhaireachduin. Feudaidh gach aon dhiubh an rùn a bhuannachd le bhi cleachdadh cainnt lom, mhaol,—le bhi cur an earbsa gu tur á cudthrom ’s á firinn nam beachdan tha iad a’ toirt air aghaidh; ach cha’n fhaighear iad uair ’s am bith, saoilidh mi, a’ dearmad doigh no meadhon leis an gabh na smuaintean a bhi air an cur an da chuid taitneach agus druighteach fa chomhair an t-Sluaigh. Anns a’ chainnt a chleachd sinn roimhe so, air feabhas an Stuth cha’n ’eil tàir ri dheanamh air Cumadh. A reir eisempleir nan sgriobhaichean is cumhachdaiche, ’s a reir nan riaghailtean a gheibhear o dhaoine foghluimte anns na cuisean so, tha atharrach seol-sgriobhaidh, no style, mar theirear ’s a’ Bheurla, ri leantainn a reir na buaidh inntinn a tha toil agad a ruigheachd. ’S e mar so soillearachd ’us neart a dh’ aomas an tuigse; ’s e neart, sgairt, ’us durachd a lùbas an toil; agus tha gach feart dhiubh so, agus gu sonruichte maise, feumail do’n Bhard. Tur-dhealaichte o na feartan a dh’ ainmich mi tha ’m feart ris an abrar wit ’s a’ Bheurla, agus ris an abair sinne gu tric geiread, deise, no sgaiteachd cainnt. Cha ’n ’eil againne, mar anns a’ Bheurla, aon fhocal air a chur air leth a chum am feart so a chur an ceill; ach saoilidh mi gu bheil an ni fein soilleir gu leoir do gach neach. Anns a’ bhuil is airde gus a’ bheil cainnt air a cur, ma dh’ fhaodte nach ’eil aite sonruichte air a chur a mach do’n fheart so. Tha e fior nach robh cuid de na h-inntinnean a b’ airde comharraichte airson sgath an cainnt. Gheibhear oirdhearcas, neart, ’us maise air gach taobh duilleig de Oisein; ach cha’n fhaighear am feart so ’n a Bhardachd. Cha do chuir a mhor chuid de na daoine a theagaisg an Saoghal le doimhneachd ’us farsuingeachd an inntinn moran earbsa á sgaiteachd an cainnt. Agus aidichidh gach neach gu bheil an t-aon is cumhachdaiche guth am Breatunn ’n ar latha-ne, Gladstone, air deireadh anns an fheart so. Ach cha ’n aobhar so gu dimeas a dheanamh air. Mar dhoigh sgriobhaidh ’us labhairt tha aite fein aige; agus mar mhodh-teagaisg tha ’chumhachd mor. Is iomadh ni a thig gaisgich as eugmhais air nach faod daoine is laige tàir a dheanamh. Ach is arm so a dh’ fhaodas an laoch is treise a ghiulan. Is ann á neart a’ ghairdein ’s á faobhar a’ chlaidheimh [TD 195] a bhitheas earbsa an laoich ’s a’ chomh-stri, ach is tric a chuir sathadh de’n bhiodag as do’n namhaid a thainig ro dhluth. Cha’n iunndrain sinn am feart so á Oisein; ach co leughadh Rob Donn as eugmhais. Rainig Gladstone an t-àite is airde ’s e dhith air; ach c’aite robh Disraeli ’n diugh mur bhith e. Co ann a tha ’m feart a’ co-sheasamh? Cha ’n ’eil e farasta mhineacheadh. Is ’usa fhaireachadh na innseadh. ’S e teagasg,—an inntinn a cheannsachadh, an toil a thoirt fo smachd, an fhaireachduin a shasuchadh,—’s e so a chrioch, a rùn. Ach tha dhoigh fein aige airson a rùin a choi-lionadh. Cha ’n ann le buille trom ach le buille clis a tha e toirt na h-inntinn gu talamh. Tha e deanamh greim air smuaintean a tha tur-dhealaichte o cheile, ’g an ceangal ’s ’g an toirt, gun rabhadh, fa d’ chomhair. Feumaidh gu’m bi de fhirinn ’s an t-samhladh nach cuir an inntinn gu tur ’n a aghaidh; ach foghnaidh so. Tha buaidh aig gach ni ùr ’us neo-chumanta thairis oirnn. Is ann air a’ bhuaidh so tha wit a’ tighinn beo. Thig e ort gun fhios; tha dreach na firinn air a’ ghnuis. Cha ’n iongantach ged nithear a bheatha gu suilbhearra. Ach mu ’m bi an t-aoidh cridheil, sunndach so fada a d’ thigh, is docha gu’n sonruich thu riantan ann nach ’eil uile gu leir ionmholta. Anns na ceuman is cudthromaiche ’s is soluimte de d’ bheatha, cha mheas thu ’n a chompanach freagarrach e. Aig feill no aig banais cha tigear ro mhaith as eugmhais, agus is tric a dh’eutromaich e uallach an fhir a bha ’g a sharuchadh; ach ann an amhghar, an trioblaid, ’s am bàs, agus co de’n chinne-dhaonna nach feum imeachd air na slighean so, roghnaicheadh tu companach a bu steigheile doigh, a bu chinntiche gluasad, ’s a bu bhlaithe cridhe na ’n companach luaimneach, ciogailteach, daicheil so. Agus saoilidh mi nach bi thu fada ’n a chuideachd an uair a bheir thu ’n aire nach ’eil e uile gu leir cho maith no cho fior ri choslas. Tha dreach na firinn air, agus air taobh na firinn feudaidh e bhi gu’n seas e; ach tha ’n cunnart mor nach seas. Theireadh na sean daoine “Na cuir claidheamh an laimh amadain, no slachdan an laimh oinsich;” ach cha robh claidheamh Fhinn, air a gheiread, cho cunnartach ri teangaidh sgaitich an ceann gun tuigse. Anns gach dreuchd anns a’ bheil gleustachd air a dhearbhadh ’us cliu air a bhuannachd le deisealachd, ’s gu h-araid le faicealachd, tha ’n cunnart ro mhor gu’n caill am fear-ceird sealladh air a’ chrich ’s gu’n gleidh e ’shuil air a’ mheadhon; agus tha so fior gu sonruichte mu fhear na teangaidh bhriathraich. Mu dheighinn-san faodar gu minic a radh “Nach faic e ’choille leis na craobhan.” Tha mi de’n bheachd gu’m faighear a mhor no bheag de’n doigh-chainnt so am measg gach Cinneach. Ach gheibhear e an tomhas na’s mo am measg cuid na cuid eile; agus tha gach tir ann an doigh ro aithnichte a’ cur a dreach fein air, ’s a deanamh a feum fein dheth. Tha na focail a th’ againne airson a chur an ceill—geiread, sgaiteachd, beumadh, gearradh—a’ dearbhadh a’ bheachd bha aig air n-Aithrichean air an doigh-chainnt so. Anns an Sgireachd d’ am buin mi ’s e Scotchadh a theirear ris,—focal a tha ’g innseadh eachdraidh fein—an losgadh ’s an leireadh a rinn Albannaich air Sasunnaich rè nam bliadhnachan a bha aimhreit eatorra. Saoilidh mi gu bheil na focail so a’ dearbhadh na criche a bha aig na Gaidheil ’s an amharc leis ’a bhuaidh inntinn so. Duine geur, teangadh gheur, smuain gheur,—cha mhor nach ’eil geur a’ ciallach- [TD 196] adh glic. An rian so a tha dual d’ar Cinneadh? Gun teagamh cha ’n ionann do’n gheiread againne ’s do gheiread nan Gall. Saoilidh mi gu’n abramaid mu’n Ghall a bhiodh comharraichte airson na buaidh so “Nach e tha fada thall,” agus mu’n t-Sasunnach “Nach deas e;” ach gun teagamh chanamaid mu’n Fhrangach mar a chanas sinn umainn fein “Nach geur e.” Ach ciod mu’n Eireannach;—’s e ’s dluithe dhuinn am fuil na ’m Frangach? Saoilidh mi gur e ’s dealaichte uainn anns a’ cheum so na ’n Gall no ’n Sasunnach. Tha e cridheil, mear, abhachdach, sgeigeil, neonach; ach cha ’n ’eil e sgaiteach, beumnach, geur. Cha ’n ’eil na h-Eireannaich as eugmhais nam feartan so; agus cha ’n ’eil sinne gu tur as eugmhais nam feartan aca-san; ach tha sinne comharraichte airson geiread,—iadsan airson abhachdais. Cha’n urrainnear a’ bhuaidh a tha dligheach dhuinne ’s do na Frangaich, saoilidh mi, a chur as leth ar Cinneadh; agus cha ’n fhiosrach mi gu’n gabh e dearbhadh gu’m buineadh a’ bhuaidh so do na Gaidheil o shean. Dearbhaidh ar Sean-fhocail, tha mi meas, gu’m buin geiread cainnt no wit do na Gaidheil. Tha na ceudan diubh gu siubhlach ’n ar measg nach deachaidh fathasd an clò, ged tha fiughair nach bi ’chuis ro fhada mar so; ach anns a’ chruinneachadh a rinn Mac-an-Toisich, ’s anns na chluinneas sinn am beul an t-Sluaigh, saoilidh mi gu’m faighear lan dearbhadh nach ’eil sinn air deireadh, mur ’eil sinn air thoiseach, air ar coimhearsnaich anns a’ bhuaidh so. Tha e fior gu bheil fuaim nam focal gu tric a’ meudachadh snas an radh: “Ceist bradaig air breugaig; “Bagair ’s na buail; “An t-ainm gun an tairbhe;” “Cha lion beannachd brù;” “Cridhe na circe an gob na h-airce;”—ach is buaidh so a gheibhear ann an Sean-fhocail gach tìre; agus is buaidh ionmholta i an uair a tha i air a deagh chleachdadh. Ach gheibh sinn ’n ar Sean-fhocail Ghaidhealach smuain ’us cainnt cho geur ’s a gheibhear an Sean-fhocail ’s am bith. Agus an coimeas ris na Sean-fhocail Bheurla, saoilidh mi gur e na Sean-fhocail Ghaidhealach gu tric is fearr. Tha cuid a gheibhear ’s an dà chanain; agus, ma ’s e ’n eadar-theangachadh a rinn sinne, rinn sinn an corr,—leasaich sinn iad an smuain ’s an cainnt. Their na Goill “A lie hath no legs;” their sinne “Cha seas a’ bhreug ach air a leth-chois;” a ris, de “Raw dawds make fat lads” rinn sinne “’S i ’n taois bhog a ni ’màs rag;” agus far an abair na Goill, maol an smuain, ’s lom an cainnt “Far birds have fair feathers,” their sinne “Is gorm na cnuic tha fada uainn.” Anns gach feart a ni suas Sean-fhocal—firinn an smuain, snas ’us maise cainnt, fallaineachd teagaisg—cha d’ thoirear barr air na leanas: “Cluinnidh am bodhar fuaim an airgid;” “Is righ an càm am measg nan dall;” “Cha chluinn e ach na ’s binn leis;” “’S i ’n dias is truime is isle ’chromas a ceann;” “Bithidh duil ri fear feachd, ach cha bhi duil ri fear lic;”—agus dh’ fhaodte na ficheadan eile aimneachadh. Cha dearbh ar Sean-fhocail gu’m bu daoine naimhdeil, fuilteach, no sgallaiseach na Gaidheil; agus do bhrigh so saoilidh mi nach b’e geiread no sgaiteachd a theirteadh o shean ri wit. Tha cuid diubh salach, ach tha mi meas anns an rathad so nach ’eil iad na ’s measa, ma tha iad cho dona, ri ’n coimhearsnaich. Gheibhear teagasg mi-fhallain an cuid diubh, agus so air doigh nach biodh fiughair ris am measg nan Gaidheal,—“Bagair ’s na buail;”—ach cha ’n fhaighear ach ainmig. Air taobh [TD 197] firinn, onoir, gloine an smuain, an cainnt, ’s an gniomh tha iad; agus tha mi meas gu bheil na Sean-fhocail Ghaidhealach ’n am fianuis cho urramach air gliocas, gleustachd ’us deadh-bheus ar n-Aithrichean, ’s a tha iad air maise ’s air neart na Gaidhlig. Agus ’s e mo bharail gu’n dearbh cainnt ’us co-luadar ar Sluaigh ’n ar latha fein, gu bheil ar beachd air dreuchd geiread cainnt no wit mar mhodh-teagaisg na ’s cothromaiche na chuireas na focail ghnathaichte an ceill. ’S e gearradh, sgathadh, beumadh, a reir ar cainnt, is crioch do’n bhuaidh so. Ach cha ’n e so gu leir ar cleachduin; co-dhiu anns na cearnan ’s a’ bheil mise eolach. Cha saoil mi gu’m faighear ann am Breatunn deise cainnt na’s cumanta na gheibhear ann an Eileanan Iar na Gaidhealtachd; agus tha mi meas gu bheil a’ bhuil gus an cuirear am feart anns a’ chuid is mo a chum buannachd. Tha ’n teangadh gear, sgoilte; ach saoilidh mi gu’m faicear driuchd na meala cho tric ri driuchd a’ phuinnsein air a barr. Cleachdar i air uairean gu mi-laghail a sgaoileadh sgainneal ’s a chur smal air deagh ainm; agus gu laghail a sgiursadh a’ pheacaich nach fairich peanas eile cho goirt. Gheibhear an luath-bheul ’s an droch-bheul air uairean ’n ar measg; ach mar is trice ’s ann ri cridheile, ri mire, ’s ri sugradh neo-chiontach a gheibhear a’ bhuaidh air a cleachdadh. Cha ’n fhaigh meud-mhoir no blathastaireachd moran fathanais; agus feudaidh an gille no ’n nighean a thig dhachaidh thar Galldachd le briseadh Beurla ’s le fasain ùra, a bhi cinnteach gu’n teid an cliu a sheirm an rann ’s an radh nach taitinn riu. Ach nach ann a bu choir dhuinn a bhi taingeil gu bheil saighead air chor-eigin ann a dhruigheas air seiche thiugh a’ ghurraich ’s a’ pheasain; gu’n tig oiteag oirnn taobh-eigin a shiabas d’ a aite fein an dealan-dé. Tha ’m bata daraich maith ’s an stri ma’s diulanach do namhaid; ach bu dona ’n t-arm e a shealg ghraineag no dheargann. Is beag duil aig an t-Sasunnach a dh’ fharas sgibeadh a thoirt an aisig dha, no bheir leis balach, gun bhròig gun bhoineid, a ghiulan a shaic, gu bheil suil fosgailte ach a shuil fein. Cuiridh an Sasunnach luideagan a’ bhalaich ’s a chainnt thuaisteach gu Punch; ’s bheir am balach teisteanas an t-Sasunnaich gu ’mhathair. Co is geire suil ’s is meamnaich’ inntinn, bhiodh e faoin fheoraich; oir leughaidh an Saoghal Punch, ’s cha teid cliu a’ bhalaich seach an t-ath dhorus. ’N ar litreachas gheibhear geiread cainnt gu tric, agus air a chleachdadh gu maith ’s gu h-olc. Mar thuirt mi cheana, cha ’n fhaighear am feart so ’s an inntinn is airde d’ ar Cinneadh air a’ bheil cunntas againn—Oisean. Ach gheibhear cainnt dheas anns na Sgeulachdan gu minic, agus air uairean air a cleachdadh ann an doigh a tha fior thoilinntinneach. Ach ’s ann am measg nam Bard a gheibhear a’ bhuaidh so ’n a lan neart, ’n a lan mhaise, agus ’n a lan ghrainealachd. Anns a’ bheagan tha againn de sheana Bhardachd gheibhear a’ bheag no mhor de gheiread cainnt, air uairean mear, sunndach; mar is trice, salach, breun. Ann an “Sar obair nam Bard Gaidhealach” tha ’n glan ’s an salach, am milis ’s an searbh ri fhaotainn co-cheangailte ris a’ bhuaidh so. Am measg nam Bard is isle cliu, cha ’n aithne dhomh aon a chleachd teangadh dheas airson culaidh-mhagaidh a dheanamh de neach cho maith ri Gilleasbuig na Ciotaig ann an “Oran cnàideil do’n Olla Leodach.” Am measg nam Bard is ainmeile tha ceathrar gu tric air an comharrachadh airson sgaiteachd an cainnt, Iain Lom, Rob Donn, [TD 198] Donnachadh Ban, agus Mac-Mhaighstir-Alastair. Ann am bheachd-sa, cha ’n airidh an dithis mu dheireadh air a’ chliu so. Bha buaidhean ard aca; ach cha robh wit aca. Cha ’n aithne dhomh ni cho maslach d’ar cainnt r’in “Aoirean.” Ma ’s geiread cainnt so, feudaidh neach ’s am bith a bhi geur. Tilg firinn, naire, gloine a leth-taobh; rannsaich am Foclair Gaidhlig airson gach focal beumnach, sgainnealach, salach; agus ma tha cluas-chiuil mhaith agad, ’s beagan cleachdadh air deanadh rann, ni thu “Di-moladh Moraig,” no “Aoir an Tailleir” ann an leth latha. Bha teangadh sgaiteach, shearbh aig Iain Lom, agus bu tric a dh’ fhairich a naimhdean fein agus naimhdean na coir a cumhachd. Ach saoilidh mi gu’m b’e Rob Donn a b’ fharsuinge inntinn; ’s e co-dhiu a bu bhlaithe cridhe. B’e ’n dithis Juvenal agus Horace na Gaidhealtachd. Saoilidh mi nach robh ach dà Ughdar Ghaidhealach againn aig an robh beachd cothromach air a’ bhuaidh so mar mhodh-teagaisg. B’e sin Rob Donn agus an t-Olla MacLeoid nach maireann. B’iadsan a mhain a sgiursadh ann an caoimhneas; a lotadh a chum leigheas. Bha Rob gun teagamh salach air uairean; ach bha e ’n comhnuidh fior. Airson sgeig, fanoid, abhachd, cha robh a leithid againn, mur robh MacLeoid. “Tha ’n osann dheireannach craiteach;” ach nach iomadh abhaist ’us fasan a chuir an dà dhuine so gu bàs le gaire air an gnuis. Na’m biodh tuilleadh de’n leithidean againn, no na ’m biomaid na’ b’eolaiche orra fein na tha sinn, cha b’ann le geiread, sgath, no beum teangaidh a dh’eadar-theangaicheamaid wit. Bha ’n dà dhuine ann an iomadh doigh gle eucoltach ri cheile. Cha robh Rob ach ’n a bhuachaille, ’s cha leughadh e focal de chanain fein no de chanain eile. Cha robh moran ’s an rioghachd a b’ airde ann am meas ’s an comunn dhaoine mora na MacLeoid; chunnaic e moran dhaoine ’s moran bhailtean, agus leugh e moran leabhraichean ann an iomadh canain. Ach bu bhraithrean ’n an inntinn iad; agus bu leth-bhraithrean ’n an dreuchd iad, oir bha aon ’n a fhoirfeach ’s aon ’n a mhinisteir. Bha Rob ’n a bhard mu’n robh e tri bliadhna a dh’ aois; cha d’ rinn Tormod a bheag de rann. Ach ’s i an aon bhuaidh a ghleidheas air chuimhne iad. Bha suil aca a thoirt fainear gach ni iongantach, neonach, abhachdach; agus bha teangadh dheas ’us cridhe blath aca airson culaidh-mhagaidh a dheanamh de chleachduinean suarach ’us mi-sheadhar nach robh aig neach ’eile a sgriobh an Gaidhlig. B’e leas nan Gaidheal crioch beatha MhicLeoid, ’s b’e ’n teagasg crioch an Teachdaire; agus ’s e cliu bhuan Rob Dhuinn gu’n seasadh e ’n fhirinn ’s a’ choir co-dhiu b’e Morair no Maor a bhiodh ’g an sarachadh. Tha geiread, deise, ’us snas cainnt, ma ta, dual do’n Ghaidheal. ’N ar measg-ne cha ’n ’eil focal freagarrach againn airson a’ bhuaidh ainmeachadh; ach gheibhear an ni fein ’n ar measg anns gach linn. Mar mhodh-teagaisg mhi-ghnathaich cuid d’ar Baird is ainmeile a’ bhuaidh so; agus lean an eisempleir-san ann an tomhas g’ar latha fein. Gheibhear am feart am measg ar luchd-duthcha fathast; ach ’s ann le gruaim a sheallas ar luchd-teagaisg air. Bhiodh ard fhear-teagaisg na Greige ’g a choimeas fein ri bean-ghluin—ag aisead na h-inntinn. An ’n e Righ na h-Eiphit a dh’ orduich dhuinne gach leanabh mic a bheir an inntinn thun an t-saoghail a chuir gu bas, co-dhiu ma ’s ann ’s a’ chanain a tha dual dha a chuireas e ’dhuthchas an ceill? D. M‘K. [TD 199] ORAN. LE IAIN RUADH DROBHAIR A BHA ’N RAINEACH. FONN.— Duine bochd air bheagan mhart, Cha ’n fhaigh e meas bho nàbaidh: Duine falamh ’s e gun nìth, Gur fada shìos theid fhàgail. Bha mise uair de m’ shaoghal, ’S bha maoin agam a’s càirdean: Bu chompanach dhaoin’-uaisle mi, ’Nàm suidhe suas ’s tigh-thàirne. Ach nis bho ’n tha mi aosmhor, ’S gu ’m beil mo mhaoin air m’ fhàgail, Cha ’n aithnich fear de ’n chiad mi, Ged fhaic iad sìos an t-sràid mi. Gad bhiodh gliocas Shol’ aig fear, A ’s sgoilearachd Righ Dàbhaidh; ’N uair their’geas a chuid stòrais, Cha ’n fhiach a chòmhradh fàirdean. Cha ’n iarrar ann an comhairl’ e, Cha dian e gnothuch stàthor: Measar e mar umpaidh, Cha ’n fhiù a ghuth no ghàire. ’S fuathach e le choimhearsnach, ’S doimheil e le chàirdean; ’S ann is aobhar spòrs e Do luchd an òil ’s an àillis. Ma dh’ iarras iad gu drama e, Bidh faire air gach tràth ann; Gu’m féum e bhi cho sìbhealta Ri luch aig stid’ fo smàgan. Ach am balach slaodach, Gun fhoghlum ach droch-nàdur, ’S e sin an sàr dhuin’-uasal: Tha ’n sporan uaine làn da. ’S tha ’m fear tha pailt de ghineachan, Sior-shireadh bhi na ’s àirde; ’S gheobh e meas a’s ioraslachd, Ged ghinteadh leis a’ cheàrd e. Ged ghinteadh anns a’ mhonadh e, Le Conan no le Càïn, Tha urram agus onoir dha, Ma tha a sporan làidir. Tha ’n sluagh air fàs cho uaibhreach, ’S ’n an éideadh suas co àrda, ’S nach aithn’ear an duin’-uasal Seach buachaille an fhàsaich. Tha ’n Sgriobtur dhuinn ag innse, Le fìrinn nach gabh àicheadh, An uair is àirde ’n inntinn, Gu’n leagar sìos gu làr i. Ach marbhaisg air an t-saoghal, Gur caochlaideach a thà e; Ni ’n t-airgiod a h-uile ni, Ach anam duine ’theàrnadh. Gur h-iongantach a chlaon e, Tha ’n daoidh a’ sior-dhol ’n àirdead; Tha ’n t-umpaidh pailt de stòras, ’S an duine còir ’g a shàrach’. Ach ’n t-umpaidh ’g am beil stòras, Airgiod, ’s òr gun bhàigh leis, Cha ’n fhasa dol do ghlòir dha, Na dol tromh chrò na snàthaid. Ma gheobh mi lòn a’s aodach, Cha ’n iarr mi chaoidh na ’s àirde, ’S gu’m bi mi leis cho toilichte Ri Bonipart ’n a phàillinn. AONACHD A’ CHINNE-DHAONNA. (Air leantainn.) THA aon ni ann a tha ’cur an duine gu sonraichte air leth bho bheathaichean na talmhainn uile, agus is e so e—mar theid aige air e fein a cho-shineadh agus a dheanamh, mar gu’m b’ ann freagarrach do gach seorsa sìde agus duthcha. Tha an saoghal gu h-iomlan aige mar ’aite-comhnuidh. Thugamaid cuid de na creutairean a tha ag àiteachadh cridhe Asia no Africa agus cuireamaid sios iad ann an gleanntan reodhta Ghreenland, agus gu grad basaichidh iad; ach cha ’n ann mar so a thachair do ’n duine; ged a mhothaicheas e am fuachd gle throm air, ma chleachd e teas, no anteas, ma chleachd e fuachd, chi sinn gu ’n teid aige ann an uine ghearr air cur suas leotha agus e fein a dheanamh moran na’s comhfhurtachaile ’n a dhachaidh ùir na aon air bith eile de chreutarean na talmhainn. Gheobh sinn muinntir na duthcha fuaire so againn fhein a’ tuineachadh agus a’ soirbheachadh ann an teas Africa no ann an fuachd Chanada-uachdraich. An deigh so [TD 200] uile, chi sinn gu bheil aig na cinnich fa leth buaidhean sonraichte a tha ’g am fagail na’s freagarraiche air son nan duthchannan anns a bheil iad air an suidheachadh na tha iad air son aite air bith eile. Mar so, gheobh sinn gu bheil na daoine dubha a’ sealbhachadh tuilleadh slainte agus fallaineachd agus treise fo ghathan loisgeach na greine ann an Africa, na dheanadh iad ’s an duthaich againne. Tha an t-slainte is mò aig an Innseanach air machraichean loisgeach India far am bitheanta gheobh an t-Eorpach am bas agus an uaigh. Tha a’ cheart ni fior mu mhuinntir na h-airde tuath; tha gach buidheann dhaoine air an deanamh freagarrach leis a’ Chruithfhear, a reir coltais, air son an aite sin anns an d’ thug E dhaibh an aite-comhnuidh air tus; agus anns an ionad sin tha iad a’ teachd beo anns an tomhas is mò de chomhfhurtachd agus de shonas. Ma dh’ aidicheas sinn gu bheil Cruithfhear idir ann, agus gu sonraichte an uair a chuimhnicheas sinn gur Cruithfhear E a tha iomlan ann an gliocas, c’ arson nach b’ fhearr leinn a chreidsinn gu ’n do rinn Esan rud-eigin a chur anns na treubhan fa leth gu ’n deanamh freagarrach air son an fhearainn agus air son gach cor agus suidheachaidh a bha iad ri choinneachadh anns na cearna fa leth a mhiannaich E a thoirt daibh mar oighreachd—nach mor a b’ fhearr dhuinn so a chreidsinn na bhi ’leum mar ni cuid a dh-ionnsaidh a’ cho-dhunaidh, a chionn gu bheil aon duine gu tur eadar-dhealaichte o dhuine eile, ann an dath no ann an cruth, gu ’m buin e uime sin do stoc eile uile gu leir? Am feadh ’s a tha na Sgriobturan againn a tha ’cur an ceill gu ’n d’ thainig an cinne-daonna gu h-iomlan o aon duine, agus a tha mar an ceudna ag innseadh dhuinn gu ’n do bhuin an Cruithfhear fein ris an duine chum a sgapadh an uair a thug E mach an reachd aig Tur Bhabeil gu ’n rachadh a chainnt a chur troimh cheile, agus a sgaoil E an sluagh mar so “thar aghaidh na talmhainn uile”—cho fhad ’s a tha na teagasgan so againn agus gun aon diubh air a chur an teagamh le ni sam bith a fhuaradh a mach fhathast ann an rioghachd Nàduir; cha ’n e mhain sin, ach an uair a tha eolas air oibrichean a’ Chruithfhir a’ dearbhadh theagasgan an Fhocail, c’ arson nach gabhamaid gu saor ris a’ bharail so—gu ’n do rinn Dia an duine ’fhagail freagarrach air son na duthcha a bha e gu àiteachadh—seach a bhi ’toirt geill do bharailean eile aig nach ’eil bun no barant ann an teagasgan Nàduir no ann Focal nan Sgriobtur? Ged dh’ fhoghnas gnothaichean o ’n leth a muigh gu ’nochdadh ciamar a thòisich agus a chinn moran de nithean anns a bheil aon duine eadar-dhealaichte o dhuine eile, air a shon so uile, tha nithean ann nach gabh atharrachadh no dubhadh as ge b’ e air bith mar mhuthas duine ’aite-comhnuidh agus a chleachdainnean; feumaidh sinn, uime sin, a chodhunadh gu ’n d’ thug an Cruithfhear ’n a ghliocas, do na cinnich fa leth, cha ’n e mhain caochladh chànain, ach, mar an ceudna, caochladh dath agus cruth agus dealbh chum an deanamh na bu ro-fhreagarraiche air son an suidheachainnean ura; aig a’ cheart àm a’ fagail aca gun chaochladh nan comharan coitcheann a chi sinn anns gach seorsa dhaoine, agus a tha a’ dearbhadh dhuinn gu’m buin iad uile do aon teaghlach mor an domhain. Ann a bhi ’tagradh as leth aonachd a’ chinne-dhaonna, tha e ro thaitneach a bhi ’faicinn gu bheil againn air ar taobh moran dhiubhsan a tha ainmeil air son an eolais, agus air son an dichill leis a bheil iad a’ rannsach- [TD 201] adh agus a’ beachd-smuaineachadh air oibre Dhe, ged a tha moran d’ am barailean ris nach ’eil sinn deas gu strìochdadh. Tha Professor Huxley ag radh—agus tha a bharail airidh air gach uile mheas anns a’ chuis so, do bhrigh gur duine e fein a tha ’toirt moran geill do bheachdan Mhr. Darwin, esan a tha ’deanamh a mach gu ’n d’ thainig an duine air tus bho na h-ainmhidhean—tha Professor Huxley ma ta ag radh—“Is mi aon diubhsan a tha ’creidsinn nach ’eil againn fathast dearbhadh air bith nach d’ thainig an cinne-daonna an toiseach bho aon duine agus bean. Feumaidh mi a radh nach ’eil mi ’faicinn barantais maith sam bith, no eadhon dearbhaidh air mhodh sam bith cinnteach, air son mo thoirt gu bhi ’creidsinn gu bheil anns an t-saoghal tuilleadh agus aon ghineal dhaoine.” Agus Humboldt, a thug barr air gach duine ’n ar linn ann am farsaingeachd eolais air oibrichean mora a’ Chruithfhir, tha esan a’ toirt fianuis anns na briathran a leanas—“Cho fhad ’s a bha daoine a’ stiuradh an aire a mhain a dh-ionnsaidh eadar-dhealachaidhnean comharraichte ann an dath agus ann an cruth, agus na nithean sin a bhuaileadh suil na h-inntinn gu h-araidh aig a’ chiad sealladh, bha am fear-amhairc gu nadurra ealamh gu sealltainn air treubhan a’ chinne-dhaonna mar ghinealaibh eadar-dhealaichte, agus cha ’n ann mar bhuill eadar-dhealaichte d’ an aon ghineal. Bha maireannachd chomharan araidh, a dh-aindeoin chaochlaidhean suidheachaidh agus sìde, mar gu’m b’ eadh a’ taiceachadh na baraile so, goirid eadhon ’s mar tha ’n uine o’n fhuair sinn fianuis sgriobhte mu’n chuis. Is e mo bheachd-sa, ged tha, gur h-urrainn duinn aobharan moran is cumhachdaiche a thoirt air an aghaidh as leth aonachd a’ chinne-dhaonna, mar tha na dathan a gheobhar air craicinn dhaoine bhi a’ fas na ’s duirche no na ’soilleire, a lion beag a’s beag, (gheobhar iad de na h-uile dath;) agus air a’ mhodh cheudna, mar tha na caochlaidhnean a chi sinn ann an cumadh a’ chlaiginn a’ direadh no ’claonadh, a chuid ’s a chuid, ’s cha ’n ann a dh-aona bheum, (tha iad ann ach beag de gach cumadh,) mar tha iad air an nochdadh dhuinn ’n ar linn fein, mar tha eolas air na cùisean a’ dol am meud; le bhi ’coimeas nan eadar-dhealachaidhnean a chi sinn ann an ginealaibh moran chreutairean fiadhaich agus càlda; agus am bacadh a tha Nadur fein a cur air siolmhorachd chreutairean nach buin do ’n aon ghineal.” Mar bheachdaicheas sinn air an duine, tachraidh ni no dha oirnn a tha ’dol a dhearbhadh gur aon ghineal an cinne-daonna; seallamaid air beagan diubh. Anns a’ chiad dol a mach their sinn nach ’eil anns an roinn a chaidh a dheanamh air gach gne dhaoine ’n an coig earrannan, mar dh’ ainmich sinn cheana, ach obair dhaoine fein, oir ged tha na treubhan fa leth a’ nochdadh gu h-araidh nan comharan sin a dh’ aobharaich an seorsachadh so, gheobhar anns gach treubh moran dhaoine a tha a’ nochdadh chomharan gu tur eadar-dhealaichte agus calg-dhireach an aghaidh nan comharan a thug air daoine foghluimte an cur air leth mar threubhan. Uime sin, cha ’n ’eil sinn ri moran earbsa a chur ann an seorsachadh no ann an roinn sam bith a nithear air a’ chinne-dhaonna, no bhi ’smuaineachadh gu bheil gach duine anns gach buidhinn mu ’n do chuireadh an cearcall coltach r’ a cheile. Mar so, ged is e aodann a’ claonadh air ais aon de na comharan sonraichte air na h-Etiopianaich, is minig a gheobh sinn ’n am measg daoine aig a bheil an aodainn a cheart cho direach ri [TD 202] aodann a’ Chaucasianaich is foghluimte ’n ar measg; agus air an laimh eile, is tric a gheobhar Caucasianach aig a bheil a bhathais a’ claonadh air a h-ais neo-ar-thaing cho fada ri bathais an duine is duibhe ann an Etiopia. Air a’ cheart doigh gheobh sinn gach dath craicinn ann am measg nan gineal fa leth a tha deanamh suas sluagh an t-saoghail. Tha luchd an fhoghluim ag innseadh dhuinn ma ghabhas sinn fuil duine, agus ma choimeasas sinn i ri fuil beathaich, ag amharc oirre troimh ghloine-mheudachaidh, gu ’m faic sinn an t-eadar-dhealachadh is soilleire eadar iad; ach ma ghabhas sinn fuil nan treubhan fa leth d’ an chinne-dhaonna nach ’eil an t-eadar-dhealachadh is lugha eadar iad—a’ dearbhadh dhuinn aonachd a’ chinne-dhaonna, agus gu bheil Caucasianaich agus Americanaich, Etiopianaich agus Mongolianaich uile “de dh-aon fhuil.” Dh’ fhaodar a radh mu ’n fhuil mar thuirt an t-Abstol mu ’n fheoil—“Cha ’n aon fheoil gach uile fheoil; ach a ta feoil air leth aig daoinibh, agus feoil eile aig ainmhidhibh, feoil eile aig iasgaibh, agus feoil eile aig eunlaithibh.” Chunnaic sinn gu bheil aig a’ Chaucasianach an craiceann geal agus aig an Etiopianach craiceann dubh; ach ged a tha an t-eadar-dhealachadh so ro mhor agus ro chomharraichte, cha ’n ’eil e air chor sam bith a’ dearbhadh dhuinn gu ’m buin iad do dha shliochd; oir ma ghabhas sinn beachd air na caochlaidhnean a thig air ainmhidhean agus air daoine fein, ann an cursa aimsir, an uair a tha iad air an togail a aon aite agus a’ gabhail an comhnuidh ann an ionad eile a tha gu mor na ’s fuaire no na ’s teotha na an t-aite chleachd iad, chi sinn nach ’eil an t-aobhar is lugha anns an eadar-dhealachadh dath agus cruth a dh’ ainmich sinn air son na barail nach buin dubh agus geal le cheile do theaghlach mor aon duine. Gheobh sinn na Portugueich a dh’fhag taobh an iar na h-Eorpa, agus a tha o chionn uine mhoir a’ comhnuidh ann an Africa agus anns na h-Innsean-an-Ear, air fas cho dubh ri naistinn an aite fhein. A thuilladh air so, chi sinn gu bheil na h-Iudhaich a tha air an sgapadh thar an t-saoghail uile a’ gabhail g’ an ionnsaidh fein dath nan daoine a bhuineas do na duthchannan fa leth anns an faighear iad; gheobh sinn Iudhaich de gach dath—a’ nochdadh dhuinn gu bheil anns an duine gu sonraichte an comas sin air ge b’ e dath no dealbh is freagarraiche do ’n aite ’s am faigh e tuineachas, a ghabhail g’ a ionnsaidh fein; ionann ’s gu bheil e fior mu chruitheachd an duine mar tha e mu ’chleachdainnean—“Gnath an aite anns am bìtear ’s è nìtear.” Is e dubh dath is freagarraiche do na duthchannan teithe sin far am biodh luchd nan craicrann geala air an losgadh ’s air am pianadh “Gabhaidh gach dath dubh,” thuirt an sean-fhacal, agus na ’n tigeadh na h-Etiopianaich a nall a chomhnuidh ’n ar measg-ne cha ’n ’eil fhios agam nach breugnaichteadh a’ chuid eile d’ an t-sean-fhacal cheudna a tha ag radh, “Cha ghabh dubh dath.” Tha briathran an Sgriobtuir fior mu cho neo-chomasach ’s a tha e do’n Etiopianach “a chraiceann a mhùthadh,” oir ma dh’ fhanas e ’n a Etiopianach, cha ’n urrainn da a mhuthadh; ach, fagadh e an duthaich sin, agus a lion beag a’s beag, ann an cursa aimsir fasaidh a dhath mar dhath muinntir an aite anns an tuinich e. Am measg nan comharan a tha a’ cur dealachaidh coltais eadar treubhan a’ chinne-dhaonna cha ’n ’eil gin ann is faicsinniche na cumadh a’ chlaiginn; agus, ged nach faod sinn a bhi deas gu lan gheill a thoirt do ’n teagasg a tha cuid a’ toirt dhuinn [TD 203] —ris an abair iad Phrenology—gu bheil na buaidhean-inntinn agus na h-aignidhean is comharraichte anns gach duine air an leigeil ris anns na h-uchdain no na lagan a tha anns a’ chlaigeann, cha ’n ’eil an teagamh is lugha nach i an eanchainn tobar na tuigse agus nam faireachdainnean. Gheobh sinn aig na Caucasianaich mar fhine, a’ ghne chlaiginn is snasmhoire ann an cumadh. Tha a’ ghnuis dhireach ’s a’ bhathais ard, a’ nochdadh barrachd ann an eolas agus ann an tuigse. Anns an t-seadh so tha iad a’ seasamh anns an ionad is airde am measg threubhan an domhain, am feadh ’s a tha na Mongolianaich, na Malayanaich, na h-Americanaich agus na h-Etiopianaich ’g an leantainn anns an ordugh ’s an d’ ainmich mi iad. Is iad na h-Etiopianaich is fhaide air an ais, agus is buirbe dhiubh gu leir. An so tha sinn air ar co-eigneachadh gu ’aideachadh gu bheil cuid de threubhan anns an t-saoghal a tha, ann an dealbh a’ chinn, ann an suidheachach na h-eanchainn, agus uime sin, ann an tuisge, fada air dheireadh air muinntir eile; ach cha ’n ’eil an so ach gnothach a tha ’tachairt a reir an aite anns am faighear iad, agus gu sonraichte dìth nan cothroman gu iad fein a thogail suas as an t-sloc aineolais anns an d’ fhag na h-easbhuidhean so iad. Tha e ’n a ni nach gabh aicheadh gu ’m faighear, eadhon am measg nan Caucasianach fein, daoine a tha—le dith eolais, cion nan cothroman a tha aig muinntir eile, cursa fada de dhroch-bheart, agus caithe-beatha aineolach, dorcha—a’ h-uile ceum cho fada air an ais ris na daoine-dubha is gairge ’s is breine a gheobhar ann an cridhe na h-Africa; agus aig a bheil clar an aodainn a’ cheart cho claon, agus a’ ghnuis cho duaichnidh ’s a tha iad aig muinntir Van Diemen’s Land, aig a bheil air an claiginn, mar thuirt Dughall Buchanan mu ’n chlaigeann a fhuair esan air bruaich na h-uaighe, “lag far am bu choir e bhi lan.” “Bheir gliocas duine air a ghnuis dealrachadh, agus atharraichear danachd a ghnuise.” Tha uime sin, lan duil—lan chinnt againn, le foghlum, le teagasg inntinn agus bheusan, gu ’n tig atharrachadh mor chum na cuid is fearr air cumadh a’ chinn agus snuadh na gnuise gu h-iomlan, anns na cinnich is isle inbh agus is fiadhaiche am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn. IAIN MACILLEBHAIN. (Ri leantainn.) SGIALACHD ÆNEAIS LE VIRGIL. Eadar-theangaichte o’ n Laidina gu Gailig le D. B. B. SUIM AN DUAIN. ’N uair a sheòl, Æneas agus a chuideachd bho Eilean Shichili gu dol do ’n Eadailt bhrosnuich Iuno Æolus dia na gaoithe gu stoirm a thogail ’n an aghaidh leis an do sgapadh an luingeas air feadh na fairge. Chaisg Neptun a’ Ghaoth agus rinn e an fhairge ciuin. Thainig na Troidhich air tir an Africa far an do ghabhadh riutha le Dido a thug aoidheachd dhoibh gu cairdeil. Dheilbh Venus innleachd leis an d’ thug i air Dido tuiteam ann an gaol air Æneas. Rinneadh cuirm mhor leis a’ bhanrighinn agus chuir iad seachad an oidhche ann an subhachas agus ceol. Dh’ iarr a’ bhanrigh air Æneas gu’n aithriseadh e eachdraidh cogadh na Troidhe agus a thurusan fein air muir ’s air tir, ni a dh’ aontaich e a dheanamh. Is e aimsir a’ cheud duain latha na stoirm agus an oidhche an deigh sin ’n uair a chaidh iad air tir, agus an latha maireach ’n uair a thainig Dido a dh’ ionnsuidh an teampuill maille ris an oidhche ’n a dheigh a chuireadh seachad ann an talla rioghail na Ban-righ. Is e an t-ionad-gniomh an cuan Meadhon-tireach agus Baile Chartaigh ann an Africa. DUAN I. Turus-cuain Æneais gu Africa far an do [TD 204] thachair e air Dido bànrighinn baile na Cartaigh. AIR airm ’s air fear nan euchdan mòr, Canaidh mi nis oran réidh, A theich air tus o bhaile Throidh Do ’n Eadailt le ordugh Dhé, ’S a thàinig air tir aig tràigh Lavinium àrd nan stuadh: Is mòr an t-iomluasgadh ro sgith A fhuair e air tir ’s air chuan, Tre ainneart nan Cumhachd àrd, ’S fearg Iuno, gun bhàigh bha buan. Dh’ fhuiling e fòs mòran tàir Le cogadh nam blàr ro chruaidh, Mu’n do thog e ’m baile dion, ’S mu ’n d’ thug e na diathan a steach Do Latium, tir nan sonn, D’ an geilleadh gach fonn fa seach. Bho sin shiolaich cinneadh treun,— Laidinnich nan geur-lann còrr, Priomh-aithrichean Alba, na sàir, Us daingnichean àrd na Ròimh. Aithris, a Bhan-dia nan Dan, Ceann-aobhair us fàth a’ bhròin, Cò an dia a fhuair an tàir? No ciod a bhrosnaich Bàn-righ’nn Iobh, ’N uair dh’ eignich i gaisgeach an àigh A dhol an cinnseal ghàbhadh geur, A’s chruaidh chàsan lionmhor trom? ’M beil fearg cho mòr an com nan dé? Bha baile daingean ann bho chian A thogadh le Tiorraich nan long, Cartaigh, bho ’n Eadailt fada thall Fa chomhair Thibeir mhall nan tonn; Baile beairteach, làn de shluagh An cogadh bha cruadalach treun; Thug Iuno dha gràdh a cridh’, Thar gach tir a ta fo ’n ghrein, B’e a roghainn thar Samos an àigh Far an d’ àraicheadh i òg; A’s chruinnich i an sud a h-airm ’S a carbadan dearg mar òr. Runaich ’n a cridhe a’ Bhan-dia Am bail’ ud a riaghladh nan slògh, A’s shaoil i na’n leigeadh na Dàin Gun tàrladh mar sin fadheòidh, Ach chual i gu’n eireadh suas Sliochd nan Troidheach cruaidh ’s a’ chath, ’S gun leagadh iad gach daingneach sios A thogadh le Tiorraich nam flath. Gu’n riaghladh iad thar gach tir, ’S le cogadh millteach a’s àr, Gun sgriosadh iad Afric nan Dùn; Sud mar rùnaich dé nam Fàth. Air eagal gu’n tachaireadh so: Oir chuimhnich i ’n cogadh buan A chog i mu Argos a gaoil Aig Troidh nan laoch ’s nan sluagh. Air diochuimhn’ fòs cha d’ leig i ’n fhearg A’ chorruich gharg loisg a com; A’s thaisg i domhain sios ’n a cridh’ A bhreith thug Paris min nan conn; Mar rinneadh air a maise tàir, Le claon-bhàigh a’s eucoir mhòir; Oir b’ fhuath leath’ ’n aiteam ud gu leir Bho ’n thogadh Ganyméde gu glòir, ’N uair chuimhnich i so las a fearg A’s dh’ fhuadaich air falbh o thràigh Am fuigheall a chaidh as o’n Ghréig ’S bho Aichioll nan euchd gun bhàigh: A’s luaisg iad air bharr nan stuadh Le seacharan truagh iomadh bliadhn’, Na Fàthan ’g an iomain mu ’n cuairt Air feadh gach cuain am fad ’s an cian, B’ ann an sud bha ’n obair chruaidh Mu’n do thogadh suas an Roimh, Mu’n do shuidhicheadh clach-steidh Na cathrach d’ an geill na slòigh. Cha luaithe a sealladh tìr Aig Eilean Tri-rosach nan gleann, A sgaoil iad siùil gu h-ait air chuan ’S muir chobhrach luath a’ ruith fo ’n ceann; Na labhair Iuno gu searbh, ’S i ’g altrum a feirg ’n a cridh’, “Am fairtlich orm a nis a’ chùis A thionnsgail mi thoirt gu crich? Nach urrainn domh Tròidheach nam buadh Bho ’n Eadailt fhuadach air falbh? Carson? A chionn gu’m beil na Dàin ’G am bhacail an tràs le ’n gairm! ’N do loisgeadh le Pallas nan conn Cabhlach nan sonn bho ’n Ghreig? An d’ adhlaic i iad féin ’s a’ chuan ’N uair thug Ajax cruaidh dh’i beum Thilg i nuas bho neoil nan speur Tein’-athair ’n a leum gu luath, A’s sgap i ’n luingeas bhos a’s thall, A’s thionndaidh bun os ceann an cuan. Le h-iomghaoith spion i air falbh Ajax ainmeil nan euchd corr, An lasair a’ bruchdadh bho chliabh, A’s bhuail i e gu dian air sgòrr. Ach mise a’s bàn-righ nan dia D’an dual a bhi riaghladh air nèamh, Dearbh-phiuthar agus céile Iobh, Bean-phòsda àrd-righ nan speur; An éigin domh cogadh gun sgur Ri aon dream fad iomadh bliadhn’? Co tuilleadh bheir onoir no cliù Do mhòrachd Iuno ’s i gun mhiagh? Co nis a lùbas an glùn Le guidhe dùrachdach dian? No thairgeas iobairt gu bràth Air altair bàn-righ’nn nan dia?” ’N uair smaoinich a’ bhan-dia mar so, ’S a cridhe ’g a losgadh le feirg, Chaidh i gu dùthaich nan Sion, ’S nan Deas-ghaothan fiadhaich searbh. Far am beil Æolus, an righ A’ riaghladh gach gaoith’ a’s stoirm, ’G an cumail fo smachd ’s an uaimh ’N uair a ni iad fuaim no toirm. ’G an ceangal le slabhruidh theann [TD 205] ’S ’g an druideadh an gainntir dhuibh; A’s iadsan a’ beuchdail mu’n cuairt Le boile bhuaireasaich a stigh. Cluinnear torman feadh an t-sleibh, Bùirich agus geumraich mhòr; Shuidh Æolus air àrd-sgor shuas, A’s colbh nam buadh aig’ ’n a dhòrn; A’ ceannsachadh am boile deirg’ ’S a’ ciùineachadh am feirg’ gu sith; Air eagal gu’n séid iad gu smùr ’S gu’n cuir iad gach dúil gu dith. Mur deanadh e sin shéideadh dian Na Gaothan fiadhaich ro threun, A’s thogadh iad neamh, muir, a’s tir, ’G an sguabadh gu min tre’n speur. Bha eagal sin air righ nan dùl, A’s dhùin e iad an cùiltibh dorch’; Thilg e tòrr mòr os an cionn, Beanntan àrda dùlaidh doirbh. Thug e righ dhoibh agus reachd A riaghlas iad gu ceart gach trà, D’an eòl an cumail teann ’n a ghlaic ’S an leigeil as ’n uair gheibh e ’n àithn’. Labhair Iuno ris an Righ Ag achanaich am briathraibh caoin, Æoluis, (oir ’s ann dut gu fior Thug athair nan dia ’s righ nan daoin’, Comas na tuinn a chur ’n an suain ’S an togail a suas le gaoith.) Air fairge Thuscanaidh ’s an uair Tha fine fuathach neo-chaomh, A’ seoladh do’n Eadailt bho Thròidh ’S an diathan-làir air bòrd nan long; Cuir onfhadh ’s a’ ghaoith gu luath, ’S cuir fodha iad an cuan nan tonn: No sgap an luingeas air gach taobh, ’S an closaichean sgaoil air an lear. Tha agam da uair seachdnar òigh Is cuimir’s is bòidhche dreach. An té dhiubh is maisich na càch, Deiopeia bhàn nan gaol, Bheir mi dhutsa chaoidh le còir Am pòsadh nach téid fa sgaoil, A chum gu’m fuirich i gach trà Ad chomunn air tailleabh do ghniomh, Gu bhi ’n a màthair mhacan òg, Aluinn, òrloinneach, gun ghiamh.” Fhreagair Æolus i gun dàil, “A bhàn-righ’nn buinidh dhut gu fior Do thoil a nochdadh mar is còir; Ach buinidh dhòmhsa cur an gniomh. Mo rioghachd a’s colbh nam buadh Dhòmhsa fhuair le fàbhor Iòbh; ’S tu choisinn domh suidhe bho chian Aig cuirm nan dia air am bòrd, A’s thug thu dhomh rioghachd nan sian A chum gun riaghlainn an stoirm A’s cumhachd os ceann na gaoith’ Nuair sheideas i baobhaidh doirbh.” ’N uair labhair e thionndaidh e bàrr Na sleagh ri taobh fàs an t-sléibh; Ghrad-spàrr e stigh; shéid gach gaoth Amach ’n an sgaoth a’ ruith ’s a’ leum. Mar armailt dol a ruith na ruaig’, An taobh a fhuair iad bealach réidh; A’s shéid iad thar gach cnoc a’s raon, Mar iomghaoith le sraonadh geur, Chrom iad a sios air an lear, A’ ruith bho’n Ear ’s bho Dheas maraon, ’S bho’n Iar-dheas a’ séideadh doirbh, Bho’n tric a dh’eireas stoirm neo-chaomh. Dh’ at iad an fhairge ’n a dùin ’G a togail bho’n ghrùnnd an àird, A’ luasgadh nan sùmainnean trom Tonn air thonn a chum na tràigh, Dh’ éirich an sin gàir nan laoch A’s géisgeil nan taodan garbh; A’ ghrian ’s an speur ghrad-cheil na neòil, Bho shùilibh nan Tròidheach calm. Shuidh an oidhche dhorcha chiar A’ gur le sgiathan dubh air lear; Bheuc an tàirneanach ’s an speur ’S tein-athair a’ leum gu mear. Chinn aogas a’ bhàis air gach ni, A’s chriothnaich ’n an cridh’ na laoich; Uilt Æneais sgaoil gu luath Le ball-chrith ’s fuar-gheilt neo-chaomh. A’ togail a dha laimh gu nèamh Rinn e osna gheur le cràdh, A’s labhair e mar so ’n a chridh’. “O ’s nèarachd seachd-fillte na sàir A fhuair bàs an tir an gràidh, An sealladh am pàrantan caomh, Aig daingnichibh àrd na Tròidh, Anns a’ chogadh mhòr ro dhaor, Mhic Thuid bu tréine ’s a’ Ghréig, Carson nach d’eirich dhomh le d’ làimh Tuiteam marbh air raontaibh Thròidh A’s m’ anam a dhòrtadh air làr. (Ri leantuinn.) PARA PIOBAIRE. NAIDHEACHD EIRIONNACH. THA naidheachd agam duit, agus tha i neonach; ach iongantach ’s mar tha i, tha i cho fior ’s a tha e gu bheil mise am sheasamh ann an so, agus is breugach do ’n fhear a chuireas sin an ag:—Thachair an nì so ann an àm an Ar-a-mach, an uair a bha na laithean fada samhraidh, coltach ri beatha iomadh oigeir ghrinn, air an gearradh goirid leis na laghannan a chaidh a thoirt a mach ’n ar n-aghaidh—laghannan nach ceadaicheadh do dhuine sam bith math no dona bhi mach air dorus an deigh claonadh feasgair; oir an [TD 206] uair a bha obair an latha thairis, cha robh a chridh’ againn dol a ghabhail lan-beoil le caraid, no a dhannsadh le nìgheanaig, ach dh’ fheumadhmaid falbh dhachaidh, agus sinn fein a chùbadh a suas fo ghlais, agus gun chrann a thoirt bharr doruis gus an eireadh a’ ghrian ’s a’ mhadainn. Ach coma, gu tighinn gu m’ naidheachd:—Am feadh a bha sinn, oidhche de na h-oidhcheannan, ’n ar suidhe mu ’n chagailt agus a’ phoit-bhuntata a’ goil air an teine, agus na cuachan bainne lan, deas air son ar suipeireach, chuala sinn buille aig an dorus. “Cuist,” arsa m’ athair, “sin agad na saighdearan oirnn a nis; tha eagal orm gu ’m faca iad aiteal an teine troimh na tuill a tha air an dorus. Cha ’n ’eil math dhuinn a bhi ’cur am fiachaibh dhaibh gu bheil sinn ’n ar laidhe—falbh, a Sheumais,” thuirt e rium fhein, “agus seall co tha ann; ach air do bheatha na fosgail an dorus do dhuine beo ach do na saighdearan, agus feuch gu ’n slìog ’s gu ’m breug thu iad mar is fearr is urrainn duit.” Air so thug mi ’n dorus orm ’s glaodhar, “Co tha sin?” “Tha mise,” thuirt am fear a bha mach. “Agus co thusa?” arsa mi fhein. “Nach ’eil thu ga m’ aithneachainn,” ars’ esan,—“do charaid, Para Piobaire?” “O, shiorraim ’s a righ,” arsa mise, “ciod a thug a’ so thu mu ’n àm so dh’ oidhche?” “Ma ta,” fhreagair Paruig, “cha robh toil agam dol m’ an cuairt an rathad-mor, ghabh mi an t-ath-ghoirid, chaidh mi air seacharan, agus sin agad ciod a chum cho anmoch mi.” “Cha ghabhainn,” arsa mise, “crun an righ agus a bhi ann ad aite; oir tha fhios gle mhath agad fhein gur e crochadh do chuibhrionn ma chithear a mach thu ’s na h-amannan cruaidhe so.” “Tha fhios agam gu math air sin,” fhreagair am piobaire, “Ni-math ga m’ dhion! agus is e sin a chuir a’ so mi; leig a stigh mi air sgath seann eolais.” “O, air m’ fhacal,” arsa mise, “cha ’n ’eil a chridh’ agam an dorus ’fhosgladh air son an t-saoghail, mar is math tha fhios agad; agus ma bheireas na saighdearan ortsa tha do cheann an geall na ’s fhiach e—theid do chrochadh cho cinnteach ’s is e Paruig is ainm duit.” “Gu’n robh math agad,” ars’ esan, “ach tha dochas agam nach e sin is deireadh dhomh fhathast.” “Ma ta,” arsa mise, “rach agus falaich thu fein cho luath ’s is urrainn duit, neo ’s i binn ghoirid ’s teadhair fhada na gheobh thu bho na saighdearan—oir, ceartas cha ’n aithne do na slaightirean, agus trocair cha ’n ’eil aca!” “An tuilleadh aobhair air son gu ’n leigeadh tu stigh mi, Sheumais,” arsa Paruig bochd. “Is diomhain duit a bhi a’ bruidhinn,” arsa mise, “cha ’n fhaod mi an dorus ’fhosgladh. Thoir ort am bà-thigh cul an tighe, far a bheil am mart, agus gheobh thu an sin dais chonlaich air am faod thu cadal gu sona-bheairteach—leaba a dh’ fhoghnadh do fhear-fearainn, gun ghuth air piobaire.” Air falbh ghabh Paruig do ’n bhà-thigh, agus, gu fior, rainig e ar cridheachan a dhiultadh, agus gu seachd sonraichte o’n bha am buntata bruich—agus cha bu sinn a bha riabh doicheallach ri duine bochd a thainig ’n ar caraibh. Coma co dhiubh, chaidh sinn uile a laidhe, agus neadaich Paruig e fein am measg na conlaich anns a’ bhà-thigh; agus a nis feumaidh mi innseadh dhuit mar a chaidh dha:—An deigh do Pharuig a bhi greis ’n a chadal, dhuisg e suas, agus a’ smaoineachadh gu ’n robh a’ mhadainn fada air a h-aghaidh,—ach is i a’ ghealach a thug an car as,—thog e air, oir bha [TD 207] toil aige bhi moch aig a’ bhaile ’b’ fhaisge dha, do bhrigh gu ’n robh faidhir ri bhi ann air an latha sin, agus bha mhiann air urad ’s a b’urrainn da de pheighinnean a chur cruinn air an fheill. Cha robh anns an duthaich m’ an cuairt piobaire a bheireadh barr air Paruig. Mar bha mi ag radh, thog e air a dhol thun na faidhreach, agus ghabh e frith-rathad troimh na h-achaidhnean, ach cha deachaidh e ach gle ghoirid air a thuras an uair a thachair callaid thiugh air, agus an uair a bha e ’g a shlaodadh fein troimhpe agus e a’ sgiolcadh a mach air an taobh eile dhi, thug e gleadhar le ’cheann air rud-eigin a chuir tein’-athair as na suilean aige. Dh’ amhairc e suas—agus ciod a shaoileas tu bh’ ann, Ni-math g’ ar dìon!—ach corp duine, crochte air meangan craoibhe. “Failte na maidne dhuit, fhir a th’ ann,” arsa Paruig, “cha bheag an clisgeadh a thug thu dhomh;” agus b’ fhior dha sin, ’s cha b’ iongantach e. A nis, is iad na reubalaich a chroch an duine truagh, agus bha fhios aig Paruig air so gu lan mhath, oir dh’ aithnich e air a chulaidh co ’n dream d’ am buineadh e. “Air m’ fhacal,” ars’ esan, “is eireachdail a’ phaidhir bhòtainnean a tha air do luirgnean, agus is i mo bharail nach cuir thu bheag a dh-fheum tuille orra; agus is narach ri ’innseadh gu ’m bithinnsa—am phiobaire is fearr anns na seachd sgireachdan—a’ siubhal an rathaid le paidhir de sheann chóbuil bhrog orm nach togadh an diol-deirce is bochda ’s an duthaich as an dùnan.” Rug Paruig air na botainnean agus thoisich e air an slaodadh dheth, ach dheth cha tigeadh iad; mu dheireadh thug e thairis dhiubh agus bha e brath togail air, an uair a thug e an ath shuil air na botainnean aluinn, ’s chuir e roimhe gu ’m biodh iad aige, dheoin no dh’ aindeoin. Thug e mach sgian mhor, gheur, agus ghearr e na luirgnean bharr a’ chuirp, chàirich e ’n a achlais iad, a’ cur roimhe feuchainn ris na botainnean a thoirt diubh a’ chiad chothrom a gheobhadh e. Cha b’ fhada rainig e an uair a chunnaic e ghealach a’ caogadh a mach fo sgéith neoil; thug e nis fainear mar thug i an car as, agus, dh’ aithnich e nach robh e ach ro mhoch ’s a’ mhadainn; bha sgàth air, agus air eagal gu ’m beirteadh air ’s gu ’n rachadh a ghiollachd coltach ris a’ chorp a bha e fein an deigh a ghnathachadh cho neo-laghail,—thill e air a shail, thug e air am bà-thigh far an robh e toiseach na h-oidhche, agus an uair a chuir e falach na bòtainnean agus speirean a’ chuirp am measg na conlaich, laidh e sios agus chaidil e. Ach ciod a th’ agad air no dheth, cha b’ fhada bha e ’n a laidhe ’n uair thainig na saighdearan agus ’s e bh’ ann, glacar agus togar iad leotha am piobaire beo, slan—agus bu gheal a thoill e sin an deigh mar mhi-ghnathaich e an corp. An uair thainig a’ mhadainn, arsa m’ athair rium fhein, “Falbh a mach an bhà-thigh, a Sheumais, agus abair ri Paruig bochd tighinn a stigh a chum ’s gu ’m faigh e cuid d’ an bhuntata; is neonach leamsa mur ’eil an t-acras air roimhe so.” A mach an bhà-thigh ghabh mi agus ghlaodh mi am piobaire air ’ainm, ach smid fhreagairt cha d’ fhuair mi. Ghlaodh mi a rithist ’s a rithist ach, facal cha chualas. “An ainm an àigh, a Pharuig,” arsa mise, “c’aite bheil thu?” Sheall mi shios a’s shuas ach mir de Pharuig cha robh agam. Mu dheireadh, faicear, thar leam, a dha chois am measg na conlaich. “Fhir mo chridhe,” arsa mise, “is tu tha [TD 208] toigheach air oisinn bhlath; mur ’eil thu an deigh thu fhein a tholladh a stigh anns a’ chonlaich cho seasgair ri deargainn ann am plaide! ach cuiridh mise stad air do chuid bruadar.” Le so rug mi air chaol da chois air—mar shaoil mi fhein—thug mi an spìonadh sin air, an uair a dh’ fhalbh mi an comhair mo chuil, ceann thar thulchainn, anns an inne. An uair a thainig mi gu seorsa mothachaidh bha mi am laidhe air leud mo dhroma agus da rud am lamhan coltach ri paidhir dhagaichean—agus ’bheil fhios agad nach mor nach do chaill mi sealladh nan sul an uair a chunnaic mi ’d é bh’ agam; dà chois duine mhairbh! Thilg mi bhuam iad mar gu ’m biodh iad r’a theine; thug mi duibh-leum asam, agus ghlaodh mi mort a’s milleadh. “O, a bhana-mhortair gun iochd,” arsa mise, ’s mi maoidheadh mo dhuirn air a’ mhart—“O, a bheist mhi-nadurra, dh’ ith thu Paruig bochd, a bhrùid gun mhathanas; is miosa thu na na daoine dubha;—agus, an droch bhàs ort, nach tu bha àilgheasach an uair nach foghnadh dhuit gu d’ shuipeir ach an t-aona phiobaire b’ fhearr eadar da cheann na rioghachd! Mo thruaigh sinn uile! ciod a their an duthaich gu leir ri ’leithid de mhort mi-chneasda? agus thusa an sin a’ sealltainn cho seimh, neo-chiontach ri uan, agus a’ cnàmh do chir mar nach biodh sion air tachairt.” A mach ghabh mi, oir gu cinnteach mheas mi gu ’n robh mi fada gu leoir an cuideachd na béist. Thug mi an tigh orm agus dh’ innis mi dhaibh gach ni mu ’n chuis. “Cuist, cuist,” arsa m’ athair, “cha ’n urrainn da sin a bhi fior.” “Cha ’n ’eil facal breige ann,” arsa mise. “An e gu ’n d’ ith am mart Para piobaire?” ars’ iadsan. “Mar is beo mi, cha ’n ’eil facal agam ach smior na firinn; cha d’ fhag an t-ainmhidh gun iochd mir d’ an Phiobaire ach a dha chois ’s a bhotainnean.” “Agus an d’ ith i a’ phiob cuideachd?” arsa m’ athair. “Is i mo bharail gu’n d’ ith,” arsa mise. “An droch bhàs air a’ bheist,” ars’ esan, “nach ann aice bha an déigh air ceol.” “A nis,” arsa mo mhathair, “na mallaich a’ bhó a tha ’toirt bainne do’n chloinn.” “Mallaichidh mi,” thuirt m’ athair, “c’arson nach mallaichinn a leithid a bheist mhi-nadurra? Cha bhi i na ’s fhaide agamsa; cuiridh mi a dh-ionnsaidh na faidhreach i gun tuilleadh dàlach, agus reicidh mi i air ciod sa bith tairgse ’gheobh mi. Gabh air falbh, a Sheumais,” ars esan, “cho luath ’s a ghabhas tu greim bìdh, agus thoir leat i thun na faidhreach.” “Ma ta, a dh-innseadh na firinn,” arsa mise, “b’ fhearr leam aon-eigin eile ’dhol leatha.” “Cuist,” ars esan, “agus na dean amadan diot fein.” “Is ann da-rireadh a tha mi,” thuirt mi ris; “is sibh fein a b’ fhearr a bheireadh an aire dhi na mise.” “Tha ’n gnothach gu math,” ars’ esan; “cha ’n eil fhios agam c’arson a bhithinn a’ gleidheadh coin ma dh’ fheumas mi fhein an tathunnaich a dheanamh; na cluinnean facal tuilleadh, ach tog ort leatha, ’s na faiceam ceann no crodhan di tuille.” Air falbh ghabh sinn, fada an aghaidh mo thoil, creid mi; cha robh tlachd sam bith agam a bhi mar fhad na laimhe do ’n bhrùid neo-chneasda. Ach coma co dhiubh, ghearr mi cuaille laidir, fada, de bhӑta, los gu ’n rachadh agam air a’ bhanasgail mhortail iomain gun a bhi dluth dhi idir, idir. Mar bha sinn a’ gabhail an rathaid bha an sluagh a’ dumhlachadh a dh-ionnsaidh na faidhreach. “Madainn mhath dhuit, ’ille oig,” arsa duine rium ’s an dol seachad, “is math [TD 209] coltas a’ mhairt a tha thu ag iomain.” “Tha i,” arsa mise, “cho math r’a coltas,” am Freasdal ’thoirt mathanais dhomh, is dona thainig e ri m’ chridhe facal math a radh as a leth. “A bheil thu dol g’ a reic?” ars’ esan. “Tha,” fhreagair mi. “Ciod tha suil agad a gheobh thu air a son?” dh’ fheoraich e. “Ma ta, cha ’n ’eil fhios agam,” thuirt mi—rud a bha fior gu leoir, chionn bha mi ann an seorsa imcheist mu ’n bhruid mhosaich uile gu leir. “Is boidheach an gnothach dhuit a bhi dol gu margadh,” ars’ esan, “’s gun fhios agad ciod is fhiach do chuid feudail.” “O,” arsa mise—’s gun toil agam amharus a bhi aige gu ’n robh beud air a’ mhart—“cha bhi fios aig neach ’d é gheobh e gus an ruig e an fhaidhir, ’s am faic e ciod na prìsean tha dol.” “Ceart gu leoir,” ars’ esan, “ach na ’m faigheadh tu tairgse mhath m’ an ruigeadh tu ’n fhaidhir idir, nach gabhadh tu rithe?” “Gun teagamh,” arsa mise. “Ciod tha thu ag iarraidh oirre, ma ta?” ars’ esan. “Cha bu mhath leam a bhi mi-reusanta,” thuirt mi ris—oir, a dh-innseadh na firinn, bha mi toileach a bhi reidh ’s i—“gabhaidh mi ceithir puinnd Shasunnach air a son, ’s cha ghabh mi peighinn na ’s lugha na sin.” “Cha chreid mi,” ars’ esan, “nach ’eil i saor gu leoir; ach tha eagal orm gu bheil rud-eigin cearr oirre; cha ’n ann air an t-suim sin a reiceadh tu mart-bainne a coltais na ’m biodh i gun choire.” “Gu dearbh,” arsa mise, “air m’ fhacal, tha i math gu bainne.” “Theagamh,” ars’ esan, “gu ’n deachaidh i bharr a bainne—a bheil i air son a bìdh!” “Moire, ’s i th’ air son a bìdh!” fhreagair mi, “cha ’n ’eil a leithid eile air uachdar na cruitheachd, is i mo bharail; bheir mi mo mhionnan gu ’n ith i.” “Cha ’n ’eil duil agam gu ’n gabh mi an dràst i,” ars’ esan; “feithidh mi gus am faic mi cia mar theid do ’n mhargadh.” “Tha mi toileach,” arsa mise, a’ gabhail orm a bhi caoin-shuarach, ach air chinnt bha seorsa amharuis agam gu ’n robh daoine ’faicinn rud-eigin mi-chneasda ann an aogas na béist, agus nach faighinn bharr mo lamhan idir i. Mu dheireadh rainig sinn an fhaidhir, agus b’ e sin an sealladh gun a leithid—shaoileadh tu gu ’n robh an saoghal uile cruinn air an aon fhaiche, gun ghuth air gach riomhaidh eile ’bh’ ann. Bha bùithean an sin anns am faighteadh an deoch a b’ fhearr, agus na fidhlean a’ cluich a chur spreigidh anns na caileagan agus anns na gillean oga; ach chuir mi romhan nach gabhainn gnothach riu gus am faighinn saor ’s a’ bheist mhosach a bha air mo churam; uime sin dh’ iomain mi stigh i gu teis-meadhoin na faidhreach. Ach, a mhic chridhe, mar a bha sinn a’ dol seachad air dorus aon de na bùithean, sheid piobaire air chor-eigin suas port-dannsaidh, agus m’ an abradh tu “Deis-de” bha ’h-earball a suas agus thug i an roid sin aisde a dh-ionnsaidh a’ bhùth. “O, mort a’s marbhadh!” arsa mise ris na bha m’ an cuairt, “cumaibh oirre, cumaibh oirre—dh’ ith i aona phiobaire an diugh cheana, agus an droch bhàs oirre tha i air son fear eile bhi aice.” “An e gu ’n d’ ith mart piobaire?” arsa fear dhiubh. “Gun fhacal breige, dh’ ith,” arsa mise, “oir chunna mi fhein a chorp ’s gun mhir a lathair dheth ach an dà chois; cha ’n ’eil ann ach amaideachd dhuinn a bhi strith ris a’ ghnothach a cheiltinn; tha mi faicinn nach gabh i cur bho ’n chleachdainn—mar is daor tha fhios aig Para piobaire bochd—mo bheannachd as a dhéigh!” “Co tha ’n sin a’ luaidh air m’ ainm-sa?” ghlaodh fear-eigin lamh [TD 210] rium; agus, an uair a thionndaidh mi m’ an cuairt, co bh’ ann, a reir coltais, ach Para piobaire e fhein. “Beiribh air-san cuideachd,” arsa mise, “cumaibh uam e, oir cha ’n e fhein a th’ ann idir, ach a thannas; chaidh a mhort an diugh ’s a’ mhadainn, do m’ dhearbh fhiosrachadh fein, ’s cha d’ fhàgadh oirleach dheth ach a chasan.” An uair a chuala Paruig sin—oir is e fhein a bh’ ann, mar fhuair sinn a mach a rithist—cha mhor nach do sgain e a’ gaireachdaich; agus an uair a lasaich air, thoisich e agus dh’ innis e dhuinn gach car, mar dh’ innis mise nis; agus na ’n cluinneadh tusa ’n fhochaid a bha ’n sin ormsa, air son bhi cur air a’ bhó bhochd gu ’n d’ ith i am piobaire. Chaidh sinn a stigh do ’n bhuth ’s dh’ òl sinn fad-shaoghal do Pharuig ’s do ’n mhart; chluich Paruig an latha sin air dhoigh a thug barr air na chluich e riabh; agus is iomadh aon a thuirt nach cualas a leithid riabh roimhe no ’n a dheigh. Chaidh am mart neo-chiontach, bochd ’iomain dachaidh a rithist, agus is iomadh latha math a bha aice fein agus againne ’n a dheigh sin.—Cha di-chuimhnich mi gu bràth mu ’n mhart a dh’ ith am piobaire! Eadar. le IAIN IAIN MHIC UILLEIM. COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. COIN.—Is moch a chuir thu cùl ris an leabaidh, a Mhurachaidh; a bheil thu ag eirigh a’ h-uile là co tràth ri so? MUR.—Nach ceart, a Choinnich, a dh’ fhéudas mise a’ cheist chéudna a chur ortsa? Ciod a ghluais thu co moch as do leabaidh an déigh do choiseachd mòire, agus do sgìos gun teagamh air an là ’n dé? Tha mi an dòchas nach do dhùisg na sìthichean thu, agus nach d’thainig taibhse no tannasg, bodach no bocan ’n ad char re na h-oidhche, chum dragh no dorran a chur ort, a charaid. COIN.—Ochan! a Mhurachaidh, cha’n fhurasd a’ chromag a thoirt as an t-seann mhaide! Gu dearbh bu dàn a’ ghruagach, no, ’n t-sithich’ a thigeadh ’n ad char-sa, aig a bheil fuath co mòr d’an taobh, agus nach ’eil a’ creidsinn ’n am bith no ’n am buaidhibh, mar chréutairean aig a bheil cumhachd agus ceannas thairis air uile-chùisean a’ chinne-dhaonna. MUR.—Cumhachd mòr no cumhachd beag, cha’n ’eil fios agam co aca; agus tha mi comadh co dhiubh. Cha’n ’eil iad a’ cur dragh sam bith orm, agus cha’n ’eil mise a’ cur dragh orrasan; agus mar sin, tha sinn gu riaghailteach, réidh, agus leanaidh sinn air sin. COIN.—Is iomadh rud neònach a th’ann, a Mhurachaidh, agus is iomadh ni iongantach a bha anns na lìnntibh a dh’fhalbh ’n ar duthaich fein, air nach ’eil ach air éiginn iomradh idir a nis. MUR.—Tha’n fhirinn ’n ad bheul a nis, a Choinnich, oir tha deagh chuimhn’ agam fein, an uair a bhiodh an t-aosda agus an t-òg maraon mar mhuinntir aig am biodh an ceann ’n a bhoile aig amannaibh àraidh de’n bhliadhna. COIN.—Ciod na h-amanna sònraichte a bhiodh an sin? oir is airidh iad air cuimhne a chumail orra. MUR.—Bha ceithir amanna àraidh de’n bhliadhna a bha comharraichte air an doigh sin, agus an toiseach, La Callainn agus Oidhche Challainn; a ris, Di-domhnuich Càisge; a ris La Bealltuinn, agus mu dheireadh, Oidhche-shamhna. [TD 511] COIN.—Cuiridh tu comain nach beag orm, a Mhurachaidh, le cunntas goirid a thoirt air na ceithir tràthan sin fa leth, oir cha’n ’eil beachd freagarrach agam fein d’an taobh, ged is minic a chuala mi m’ athair agus mo sheanair a’ labhairt mu’n timchioll agus mar an céudna ’g an gnàthachadh a réir cleachdadh na dùthcha. MUR.—Ni mi mo dhichioll air beagan a chur an céill duit mu’n dòigh air an robh cleachdanna nan àm sin air an coimhead, agus tòisicheam le Là Callainn, agus b’e sin an là dà-rireadh, agus Oidhche Challainn, b’i sin an Oidhche!—là agus oidhche na bliadhn’ ùire. O, ciod a’ ghleadhraich anns gach tigh! Cuid an sud, agus cuid an so,—cuid a’ ruith ’s a’ leum a nùll ’s a nall, a mach agus a stigh! Rachadh cuid do thighean eile mu’n cuairt, le’n searragaibh làna gu bhi ’n an céud-chòmhlaichibh. Is lionmhor deas-ghnàth a bhiodh ’g an cleachdadh air an oidhche sin a stigh agus a mach. Bhiodh na tighean air an cuairteachadh leis na ficheadaibh ag éigheach agus a’ glaodhaich le seicheannaibh tioram mhart air an guaillibh, a bhiodh iad a’ bualadh le maidibh, agus aig an àm cheudna ag aithris rannan de gach gnè. Bhiodh cuid eile a’ slachdarsaich nam ballachan le slachdanaibh troma, a’ glaodhaich, a’ togail iolaich, agus a’ séinn le’n làn-sgairt. Leis an odhail so uile bha iad, ma’s fior, a’ fògradh nan sithichean, nan deamhan, agus nan droch-spiorad de gach gnè, fad air falbh as na criochaibh. Dh’ullaich iad dhoibh fein an earrann sin de amhaich seiche a’ mhairt ris an abrar an “caisean-uchd;” rinn iad greim air, dhòth iad ’s an teine e, agus thug iad e do’n teaghlach chum faile a ghabhail dheth, mar thearmunn an aghaidh nan leannan-sithe, agus gach drùidheachd eile. COIN.—Nach anabarrach an othail a rinneadh leo, agus sin air fad chum cur an aghaidh nan cumhachdan sin do nach ’eil thusa a’ toirt creideis gu’m bheil iad idir ann! MUR.—Ma bha iad ann riamh, a Choinnich, tha iad a’ fàs ainneamh agus tearc ann an aireamh, oir cha’n ’eil an t-ullachadh ceudna ’g a dheanamh a nis gu bhi ’cur ’n an aghaidh a bha roimh so. COIN.—Is comadh co dhuibh, a Mhurachaidh, ach ciod a nis mu Dhidòmhnuich-caisg? MUR.—Bu ghnàth leis an òigridh sòlas mòr a dheanamh air son Didòmhnuich-càisge. Bha gach beag agus mòr a’ tional nan ubh fada roimh laimh. Bhiodh iad air am bruich gu ro chruaidh, agus air an sliobadh leis gach dath fo’n ghréin; ’s eadh dubh, geal, dearg, buidhe, uaine, agus gorm! Rachadh an tilgeadh thall ’s a bhos, agus an itheadh an uair a bhristeadh iad. Dh’-fhuineadh iad anabharr de charaiceagan le bainne, min, agus uibhean, agus bhiodh bonnaich bheaga, agus breacagan tana aca de gach seorsa air an deasachadh. Le so dheanadh iad cuirm mhòr far am biodh cleasan gun aireamh a’ dol air aghaidh, agus fortan gach neach air a leughadh le gloinichibh agus innleachdaibh eile. COIN.—Tha deagh chuimhn’ agam fein air na nithibh sin fhaicinn an uair a bha mi beag, ach a nis chuireadh cùl riu, tha mi an dùil, mar a chuireadh ri mòran nithe eile a bha air an cleachdadh ’s an dùthaich o shean. MUR.—’S eadh, a Choinnich, o’n a dh’fhalbh na sithichean cha’n ’eil feum air na cleachdannaibh sin trid an robh muinntir ’g an dion fein ’n an aghaidh. COIN.—Cha leig thusa na sithchean air dearmad co dhiubh, a Mhurachaidh, fhad ’s a bhios tlachd agad ann a bhi ’cur conais ormsa. [TD 212] Ach ciod an t-àm eile de ’n bhliadhna a bha comharraichte air an dòigh so? MUR.—Ciod ach Là-Bealtainn, a bha ’n a là ro chudthromach air iomadh doigh. Chuireadh a’ cheud là de ’n mhios seachad le greadhnachas mòr. Bha lasraichean teine air am fadadh air mullach gach beinne, agus bha uile spreidh agus fhéudal na duthcha air an greasadh troimh na lasraichean chum an dion o gach éuslaint rè na bliadhna. Air an là sin bu ghnàth o shean gu’n rachadh gach teine anns gach tigh a smàladh as, a chum, gu’m biodh iad air am fadadh a rìs leis an teine fhiorghlan so o mhullaichibh nam beann. Anns na céud lìnntibh bha na Druidhean a’ deanamh aoraidh do’n dia Belus, le teine, uime sin, tha’m focal “Bealtainn a’ ciallachadh, “Beil-teine,” agus La-Bealtainn a ’ciallachadh, “La Beil-teine,” no la teine Bheluis. Bha i ’n a cleachd aig an òigridh o shean anns a’ Ghaidhealtachd dol a mach do na raointibh air an là sin. Dheanadh iad cuairteag bheag mar bhòrd air an fhéur; ghearradh iad clais mu’n cuairt da; lasadh iad teine ’n a mheadhon; ann an sin, dh’ fhuineadh iad bonnach mòr, agus ghearradh iad e ’n a earrannaibh beaga, earrann air son gach neach a dh’ fhéudadh a bhi làthair. Dheanadh iad an sin aon de na h-earrannaibh dubh le guaillean, agus thilgeadh iad e maille ris na h-earrannaibh eile ann am boineid. An sin, le’n suilibh còmhdaichte, tharraingeadh gach neach fa leth earrann de’n bhonnach a mach as a’ bhoineid, agus ge b’e an ti air an tuiteadh an crioman dubh bha esan gu bhi air ìobradh gu bàs do Bhelus. Chum, gidheadh, nach rachadh a’ bhinn eagallach so a chur an céill, b’ éigin da léum tri uairean thairis air na lasraichibh teine. O cheann da cheud bhiadhn’ air ais, bha La Bealtainn air a choimhead ann an Sasunn le mòr ghreadhnachas agus odhail. Dh’ éireadh na h-uile aig meadhon oidhche, agus rachadh iad a mach do na coilltibh le ceòl de gach gnè, le séideadh thrompaid, agus le bualadh dhrumaichean. Ghearradh iad sios na craobhan uaine, agus ghiulaineadh iad luchdan de’n bharrach bhrìghmhor, ghlas, a stigh do na bailtibh, agus anns a’ mhaduinn bhiodh na sràidean làn de gach craoibh agus preas. Ann an iomadh àite bha “Cranna-Céitein” air an togail, a bha co àrd ri crann luingeis. Bha na croinn sin air an sliobadh leis gach dath, le stiallan de gach dreach ’g an cuairteachadh, agus le sròlaibh de gach cumadh a’ crith-ghluasad anns a’ ghaoith? Ann an sin, bha ’n sluagh, sean agus òg a’ dannsadh mu’n cuairt do na crannaibh-ceitein sin rè an là le ceòl de gach gnè. Ach a nis, thàinig na nithe sin ach beag gu crìch. Cha’n fhaicear a’ bheag dhiubh ’s an àm a ta làthair. Tha e, gidheadh, fathast cumanta ’s an taobh deas a bhi faicinn nam mnathan agus nam maighdeannan uasal agus iosal a’ dol gu moch a mach air La Bealtainn, ’s e sin, air a’ cheud là de’n Chéitein chum an gnuisean agus an làmhan ionnlad ann an druchd na maidne. COIN.—Tha thu a’ cur iongantais orm, a Mhurachaidh; ach co fo’n ghréin a thug eolas dutsa air na nithibh iongantach sin. Is leòir do’n mhinistear chòir fein dàrna leth an fhiosrachaidh sin a bhi aige, agus ciamar air thalamh a fhuair thusa gréim air? Is cinnteach gu’m bheil thu air aithris a nis na th’ agad ri radh mu na h-amanna de’n bhliadhna a bha comharraichte air son nan cleachd ann a neònach sin. MUR.—Dh’ innis mi dhuit a [TD 213] cheana, a Choinnich, gu’n robh ceithir amanna de’n bhliadhna comharraichte air an dòigh sin. Thug mi tri dhiubh, ma ta, fa’near; agus a nis abram beagan mu’n cheathramh àm a dh’ ainmich mi, agus ’s e sin “Oidhche Shamhna,” an oidhche sin bu chudthromaiche, agus bu shònraichte air son gach atharrachaidh chleas, agus chluiche de gach oidhche ’s a’ bhliadhna. COIN.—Chunnaic mi fein mòran de na nithibh d’an d’ thugadh géill air an oidhche sin; ach tha iad a’ dol as. MUR.—Cha’n ’eil teagamh nach ’eil, a Choinnich, uime sin cha’n abair mi moran umpa aig an àm. Air an oidhiche so, mar an céudna, bha mòran ’g a dheanamh le teine a reir deas-ghnathanna nan Drùidh. Tha “Samhuinn” a’ ciallachadh “Sàmh-theine,” ’s e sin “Teine-sàimh,” no “Teine-sithe,” an teine sin a lasadh aig toiseach na Dùbhlachd chum am fuachd fhògradh air falbh. Is i so an oidhche anns an d’ thugadh làn shaorsa agus chead do gach uile spiorad chum an toil fein a dheanamh air feadh an t-saoghail. Air an oidhche so bha na sithichean a mach ’n am buidhnibh oir an stéud-eachaibh geala, agus mar an céudna gach druidh agus buidseach leis am bu mhiann an t-olc a dheanamh. Bha muinntir gach àite a’ deanamh an dìchill chum iad fein a dhion o na spioradaibh sin, agus chum an greasadh air falbh le léusaibh teine ris an abradh iad “Samhnagan;” agus, leo sin a’ losgadh le lasair shoilleir, an deigh tuiteam na h-oidhche, chuairticheadh iad gach céum d’am fearann fein. An déigh do so uile a bhi thairis chruinnicheadh na teaghlaichean uile ’n an tighibh fein, a chur na h-oidhche seachad le bhi cleachdadh gach seun, cleas, deas-ghnàth, agus dubh-fhocail, air an comas doibh an inntinn fein a leagadh, chum gu’m biodh iad uile air an teasairginn o chumhachd, agus o cheannas nan droch spiorad. Bu lionmhor deas-ghnathanna saobh-chràbhach a bha air an cleachdadh rè na h-oidhche sin. ’N am measg so, bha iad a’ tumadh air son nan ubhal a thilgeadh ann an soitheach, no ballan uisge; bha iad a’ spionadh agus a’ tilgeadh stocan-càil a stigh air an luidheir; bha iad ag iomart nan tri lugaidhean; a’ fluichachadh muilichinn na léine; a’ cur sìl na còrcaich; a’ spionadh nan dias coirce; a’ tilgeadh ceairsle de shnàth gorm ann an sorn an àth-chruadhachaidh; a’ cur gealagain nan ubh ann an gloineachaibh; a’ léughadh nam fortan ann an cupanaibh; agus a’ deanamh lionmhorachd nithe eile nach urrainn domh aithris. COIN.—Ann an ainm an àigh, thubhairt thu na’s leoir, a Mhurachaidh; tha mi a nis seachd sgith de na nithibh sin, agus tha mi ’cur romham nach abair mi diog tuille mu na sithichean, no mu na dubh-chleasan a bha, a réir coltais, aon uair co lionmhor. Beannachd leat aig an am. ALASDAIR RUADH. SOP AS GACH SEID. Is fhear gu mòr bàs an ionracain, no beatha an eucoraich. S. Ma bhios bròn ort air son a bhi ’call d’ ùine fein, cuir an ùine r’a teachd gu deagh bhuil. S. Nach mòr gur fearr gu’n innseadh do charaide do lochdan duit ann an uaigneas, na gu’n cuireadh do nàmhaid an céill iad gu follaiseach?” S. “A Sheonaid chòir,” ars’ òganach spòrsail ri ’bhan-choimhearsnaich féin.” a Sheonaid chòir, chunnaic mi an dé ’s an eaglais thu, an do thuig thu an t-searmoin ghrinn ud a thug am ministeir seachad?” “O, a Dhòmhnuill, a Dhòmhnuill, am bheil dùil agad gu’m biodh a dhànadas agamsa sin a dheanamh?” S. [TD 214] EALAIDH GHAOIL. (LE EOBHAN MAC-LACHAINN.) [Ceòl] Gur gile mo leannan Na ’n eal’ air an t-snàmh; Na cobhar na tuinne ’S e ’tilleadh gu tràigh; Na ’m blàth-bhainne buaile ’S a’ chuach leis fo bhàrr; Na sneachd nan gleann dosrach ’G a fhroiseadh mu ’n bhlàr. FONN— Air fàillirin, illirin, uillirin ó, Air fàillirin, illirin, uillirin ó, Air fàillirin, illirin, uillirin ó, Gur bòidheach an comunn Th’ aig coinneamh ’n t-Srathmhóir. Tha cas-fhalt mo rùin-sa Gu siùbhlach a’ snìomh, Mar na neòil bhuidhe ’lùbas Air stùcaibh nan sliabh; Tha ’gruaidh mar an ròs, ’N uair is bòidhche bhios ’fhiamh, Fo ùr-dhealt a’ Chéitein, Mu ’n éirich a’ ghrian. Mar Venus a’ boillsgeadh Thair coiltibh nan àrd, Tha a mìog-shùil ’g am bhuaireadh Le suaicheantas gràidh; Tha bràighe nan séud Ann an éideadh gach àigh, Mar ghealach nan spéur, ’S i ’cur réultan fo phràmh. Bidh ’n uiseag ’s an smeòrach Feadh lòintean nan driùchd, ’Toirt fàilte le ’n òrain, Do ’n òg-mhadain chiùin; Ach tha ’n uiseag neo-sheòlta, ’S tha ’n smeòrach gun sunnt ’N uair ’thòisicheas m’ éudail Air gléusadh a ciùil. ’N uair ’thig samhradh nan neòinein A’ còmhdach nam bruach, ’S gach eoinein ’s a’ chròc-choill A’ ceòl leis a’ chuaich, Bidh mise gu h-éibhinn, A’ léumraich ’s a’ ruaig, Fo dhlùth-mhiaraibh sgàileach, A’ mànran ri m’ luaidh. [TD 215-224] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 225] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] CEUD MHIOS AN FHOGHAIR 1875. [44 AIR. SEAN-FHOCAIL. VIII.—CHA LION BEANNACHD BRU. CIOD e teagasg ar n-Aithrichean, cha ’n ann “mu’n t-seirbhis a tha mhain ann am biadhaibh agus ann an deochaibh,” ach mu Bhiadh agus mu Dheoch? Their sinn gu tric ’n ar latha fein gu bheil ar coimhearsnaich na Goill agus gu sonruichte na Sasunnaich a’ cur barrachd luach air biadh na tha sinne. Ni sinn uaill as ar measarrachd fein anns an rathad so; agus ni sinn amharc sios gu tric air na Goill airson an deigh air biadh blasda ’s air moran dheth. Cha ’n ’eil sinn cho mi-mhodhail no, ma dh’fhaodte, cho toibheumach ’us gu’n abair sinn gu bheil iadsan a’ deanamh “dia d’ am bru;” ach, ann an coimeas ruinn fein, their sinn gun teagamh gur iad is mo a tha ’n an traillean d’ am broinn. Ach nach tilgear oirnne gu minic ma tha sinn measarra ’n ar biadh nach ’eil ’n ar deoch? Nach abrar ma tha na Goill gionach, gu bheil na Gaidheil pàiteach? Ma chuireas sinne geocaireachd as leth ar coimhearsnaich, nach cuirear pòitearachd as ar leth fein? Cha ’n fheoraich sinn an traths’ co-dhiu tha no nach ’eil e fior gur geòcaich na Goill; no co is mo tha ’g òl de dheoch mhisgich ’n ar latha-ne, an Gall no an Gaidheal; ach feudar sealltainn le buannachd air an fhianuis a gheibhear ’n ar canain agus ’n ar litreachas air a’ mheas a bha ar n-Aithrichean a’ cur air Biadh ’s air Deoch; agus air na dleasdanais ’s na cleachduinean a dh’ eirich ’n am measg an co-lorg nan nithean so. ’N ar latha-ne tha e gum teagamh fior—agus is duilich gu bheil e cho fior—gu’n nochd ar Sluagh an cairdeas ’s an deagh-rùn d’ a cheile, an uair a choinnicheas iad, gu minic le deoch agus gu h-ainmig le biadh. Tachair air do luchd-eolais o’n dachaidh no mu’n tigh-òsd’ aig baile. Gabhaidh iad ’us bheir iad seachad deoch am pailteas; ach is tàmailt leo biadh a phaigheadh air an son, ged ma dh’ fhaodte nach do bhlais iad greim fad cheithir-uaire-fichead. ’S e so cleachduinar Sluaigh ann an Albainn ’n ar latha fein. Ge b’e ar beachd mu’n fhaireachduin o’n d’ eirich a’ chleachduin—tha mi fein a meas gur ann o fhaireachduin ionmholta dh’ eirich i—cha ’n ’eil aon ’n ar measg nach aidich gu’n gleidheadh ar luchd-duthcha ’n ar latha-ne a suas an cliu fein agus cliu an Sluaigh na b’ airde na ’n-itheadh iad barrachd air an turuis agus na ’n-òladh iad na bu lugha. Cho fad ’s is leir dhuinn cha robh a’ chuis mar so o shean. Anns an fhianuis a tha againn air beachdan ar n-Aithrichean, saoilidh mi gu’m faighear dearbhadh nach aich’ear gu’n robh na seann daoine a’ cur barrachd meas air Biadh, agus na bu lugha meas air Deoch, na tha sinne. O chionn beagan bhliadhnachan rinneadh barrachd rannsachaidh air a’ Ghàidhlig na rinneadh riamh. [TD 226] Aideachar a nis air gach laimh, a’ bhuidheachas sin do shaothair nan coigreach, gu bheil a’ chanain aosda, agus gu’m faighear ’n a fuaim, ’n a focail, ’us ’n a cumadh na feartan a bhuineas a mhain do phriomh chanain a labhair daoine treun,—eadhon neart, maise, agus cumhachd. Cha dearbhar aon chuid gu’m b’ i canain Adhaimh no gur i “canain is fearr fo’n ghrein,” mar bhiodh cuid d’ ar Baird Ghaidhealach, o’n earbamaid barrachd tuigse, a’ cumail a mach; ach cha ’n innis eachdraidh c’uine no c’ àite an d’rugadh i, agus airson a maise ’s a neart, cha ’n e ’n ceannach a rinn i. Tha rathad eile ann ’s am feudarar canain a’ rannsach’ le buannachd—rathad nach ’eil ro chomasach do choigrich,—agus ’s e sin fior-bhrìgh ar focail, ar coimeasan, ar samhlaidhean ’s ar doigh-labhairt, agus an solus a tha gach aon diu so a’ tilgeadh air smuaintean, beachdan, ’us cleachduinean ar Sluaigh. Na’m biodh gach focal Gaidhlig a tha ’n an ceud-bhrigh co-cheangailte ri Biadh ’s ri Deoch air an tarruing a mach air aon chlàr, gheibhteadh, saoilidh mi, dearbhadh nach gann air a’ mheas bha aig air n-Aithrichean gu sonruichte air Biadh. Tha e comharraichte nach ’eil focail Ghaidhlig againn airson trathan bìdh (Breakfast, Dinner, Supper), ged tha ar focail airson bìdh fein ro lionmhor,—lòn, aran, cuirm, cuilm, fleagh, feisd, feill, &c. Nach soilleir agus nach brighmhor am focal “beo-shlainte” airson nan nithean a tha feumail a chum beatha a chumail suas a chur an ceill? Their na Goill “lorg na beatha” ri aran, agus their iad gu maith; ach their sinne “slainte na beatha” (beo-shlainte) ris, agus tha mi meas gu’n abair sinn na’s fearr. Ach tha sinn a’ deanamh a’ cheangail eadar beatha agus biadh na ’s dluithe na so; oir ’s e beathachadh mar is trice a their sinn ri biadhadh. Saoilidh mi gur anns na h-eileanan, far am biodh fiughair ri comhnadh o’n mhuir, a dh’ eirich an t-ainm iongantach sin airson lòin—teachd-an-tir; co-dhiu cha bhiodh a leithid de ainm ro fhreagarrach ann an tìr phailt, thoraich. Thugadh fainear uair ’us uair ar baigh ri dath buidhe—’s e falt buidhe is maisiche; ’s e latha buidhe is breagha—o’n fhocal thug sinn buidheach, agus buidheachas, ’s e sin taing, agus gu h-araid taing as deigh bìdh, mar gu’m feumteadh a bhi buidheach, sasuichte, mu’n rachadh buidheachas a thoirt seachad. Fhuair mi o chionn beagan laithean o charaid Altachadh agus Buidheachas nam Ban air an Airidh mar so: Altachadh—“A Dhia nan grasan beannaich e”; Buidheachas—“A bhuidhe ri Dia mo chuid, fair mo chuigeal.” Cha choir dhuinn, tha mi smuaineachadh eas-urram a chur á leth nam mnathan còire, ged fhuair iad roimh ’n dleasdanas so na bu luaithe na tha e cleachdta ’n ar measg-ne. Thug na Goill am focal perfect o na Romanaich airson ni tha air a dheanamh gu maith ’s gu ro mhaith. Their sinne iomlan—air a lionadh iomadh uair—ris an ni cheudna. Ri ball a tha reir a cheile their sinn gu bheil e coimhlionta. De fhocail de ’n t-seorsa so tha moran againn; agus tha mi de’n bheachd gur airidh iad air an rannsachadh. Gabh mar eisempleir na seadhan anns an cleachd sinn gu tric na focail a leanas agus na ficheadan a thuilleadh orra:—bolg, goile, sathach, reamhar, tarbhach, daor, ainfhiach, balach, cuireadh. Gheibhear moran d’ ar samhlaidhean cumanta—a thuilleadh air an doigh shamhlachail anns a’ bheil sinn a’ cleachdadh ar focail—a tha tarruing am brigh o bhiadh ’s o dheoch;—“A lion beagan ’us beagan, [TD 227] mar a dh’ ith an cat an sgadan”; “Cho eolach ’s a tha ’n ladar air a’ phoit;” “Liunn dubh air mo chridhe”; “Geiread an liunn chaoil” “Deoch an doruis”; Beul an anmoich”;—agus moran eile a bheir a’ chuimhne fein fa chomhair inntinn gach neach. Cha ’n ’eil mi meas gu’m faighear ann an canain eile co liugha sean-fhocal, a réir an aireimh, a tha tarruing an cumadh ’s an dreach o itheadh ’s o òl, ’us a gheibhear anns a’ Ghaidhlig. Le beagan dragh chunnt mi cuig fichead ann an cruinneachadh Mhic-an-Toisich, agus cha ’n ’eil teagamh agam nach faighear moran ann air nach d’ amais mi. Tha iad so a’ teagasg caochladh bheachdan ’us dhleasdanais mu bhiadh, mu dheoch, ’s mu iomadh ni eile; ach is ann o bhiadh ’s o dheoch a tha an samhladh, air a tharruing. Tha ni no dha comharraichte mu na Sean-fhocail so a tha tur dhealaichte o’n bheachd chumanta mu’r Sluagh. A dh’ aon ni cha ’n ’eil os cionn deich no dusan de ’n chuig fichead mu dheoch; agus cha ’n eil an deoch airson a’ bheil ar Tìr ’s ar Sluagh a nis cho iomraiteach—uisge-beatha—air a h-ainmeachadh idir. Tha liunn ’us fion air an ainmeachadh ach cha ’n ’eil deoch ach sin. A réir coslais cha robh na seana Ghaidheil cho eolach air sugh an eorna air a ruith roimh na poitean-dubha ’s a dh’ fhas an sliochd, no co-dhiu cha robh de mheas aca air ’s gur e uisge-beatha a theireadh iad ris. Agus cha ’n fhaigh mi dearbhadh gu’n robh meas air misgear am measg nan seann daoine. Theirear “Is fearr a’ mhisg na bhi gun leth-sgeul,”—ach a ris theirear na ’s firinniche, “Is dona ’n leth-sgeul a’ mhisg.” A ris theirear, “Misg gun liunn is measa tha ann”;—’s e sin, “Is fearr bhi air mhisg na air a chuthach.” Cha saoil mi gur moladh air deochl-aidir an claidheamh dà fhaobhair so “Cha d’ rinn uisge glan riamh liunn maith”; agus cha b’ urrainn namhaid na dibhe misg a chaineadh na bu sheirbhe na so:—“Tagh do cho-luadar mu’n tagh thu d’ òl”; “Is coma leam comunn an òil”; “An uair a bhitheas an deoch a stigh, bithidh an ciall a mach.” “’S e ’n suidh docharach ’s an tigh-òsd is fearr.” Is ann air toradh an spreidh a bha ar n-Aithrichean anns a chuid bu mho tighinn beo. Cha ’n ’eil moran de’n fhearann freagarrach airson barra ann an coimeas ris na tha maith gu ionaltradh. Mu’n d’fhas caoraich cho lionmhor ’s a tha iad a nis, b’e toradh a’ chruidh dhuibh, maille ri sithinn ’s ri seilg air Tir-mòr, ’s ri iasg anns na h-Eileanan, a bha deanamh suas lòin an t-Sluaigh. Cha robh min no aran ach gann. Gheibhear lan dearbhadh air so anns na Sean-fhocail. Mu choinneamh aoin anns a’ bheil iomradh air aran no air min, tha ceithir co-dhiu d’an samhladh ìm ’us bainne. Ge b’e air bith an teagasg ’s e ìm ’us bainne mar is trice an cainnt: “Am fear aig am bi ìm, gheibh e ìm;” “Cha ’n fhaodar a’ bhó reic, ’s a bainne òl;” “B’ e ìm a chur do thigh àiridh e;” “Cha dean corag mhilis ìm;”—agus mar sin sios. Air an doigh cheudna gheibhear iasg gu tric air ainmeachadh. Chuala sinn uile an radh; “Breac na linne, slat na coille, ’s fiadh nam fireach,—meirle nach do ghabh duine riamh naire as;” agus a ris: “Gaoth an Iar, iasg ’us bainne.” Anns na h-Eileanan cluinnear gu tric iad so, am measg morain eile: “Ithidh na cait fuigheall nan caolan;” “Mionach ar n-eisg aig ar n-eunaibh fein;” “An gad air an robh an t-iasg;” “Iasgach amadain,—corra [TD 228] bheathach mor;” “Is lom an cladach air an cunntar na faochagan.” Tha teagasg nan Sean-fhocal a tha buntainn ri biadh ’s ri itheadh, mar a bhiodh fiughair ris o’n aireamh, eug-samhuil. Gheibhear beachdan ’us comhairlean a tha calg-dhireach an aghaidh a cheile air an toirt air an aghaidh. Ach do aon bheachd tha na Sean-fhocail a tha f’ar comhair an traths’, agus feudar a radh na Sean-fhocail Ghaidhealach thar cheann, an comhnuidh dileas; agus ’s e sin am meas air pailteas, agus an dimeas air goinne no bochdainn. Cha ’n ’eil mi smuaineachadh gu’m biodh e comasach dearbhadh cho laidir agus cho druighteach fhaotainn air bochdainn na tìre, agus air na cruaidh-chàsan a b’eigin d’ ar n-Aithrichean gu minic fhulang a’ solar lòin d’an teaghlaichean, ’s a gheibhear anns a’ chainnt a chleachdar anns na Sean-fhocail agus ’n ar Bardachd mu phailteas agus mu ghoinne lòin. Cha ’n ’eil teagamh agam fein nach ann o’n bhochdainn so, maille ri gairbhead na tìre ’s cion rathaidean mòra, a dh’ eirich ann an tomhas mor a’ bhuaidh airson an robh, ’s a’ bheil, ’s a tha mi ’n dochas a bhitheas, sinn cliuiteach am measg nan Sluagh—’s e sin ar fialachd ri coigrich. Tha sinn teom air a bhi caoidh na tìm a bh’ann o shean, agus ann an tomhas tha aobhar againn nach ’eil aig moran Shluagh; ach tha eubh a’ teachd o chein air bilibh nan Seanfhocal a dhearbhas dhuinn gu’n robh camadh nach bu bheag an crannchur ar n-Aithrichean. “Cha robh duine saoibhir riamh gun dilibich;” “Cha robh caraid riamh aig duine bochd;” “Cha tig duine acrach fada uaithe;” “Is olc an ni bhi falamh;” “Fear falamh ’s e gun ni, suidhidh e fada shios o chach;” “Is buidhe le bochdean-bhrigh ged nach bi i ro bhruich;” “Is bochd an ainnis lomanach;” “Is iomadh cron a bhitheas air duine bochd;” “Is farasta fuine dheanamh le min;” “Meallaidh am biadh am fitheach o’n chraoibh.” “Is fada lamh an fheumaich;” “Cha ’n fhaigh an gortach cnaimh.” Ann an dlu-cheangal ris an rian so, tha an luach bha na seann daoine a’ cur air beagan; am moladh a dheanadh iad air cruinnealachd; ’s an caineadh air sgapadh gun aobhar; “Is fearr fuine thana na bhi uile falamh;” “Thig an t-acras dà uair;” “Is call caillich a poca, ’s gun tuilleadh bhi aice;” “Cha reic e chearc ’s an latha fhliuch;” An toiseach an t-saic a tha ’n riaghailt;” “Bhiodh sonas aig an stroghaire ’n am faigheadh e mar a sgapadh e;” “Is ’usa sgapadh na tional.” Cha ’n ’eil teagamh agam nach e gainne lòin ’s an tir a thug dhuinn an Sean-fhocal so: “Is fearr fuigheall na braide na fuigheall na sgeige.” Agus is ann an uair a ghleidheas sinn air chuimhne fein-fhiosrachadh ar n-Aithrichean air goinne, a dh’ fhairicheas sinn fior chumhachd agus fior mhaise nan Sean-fhocal a leanas: “Is fearr a bhi bochd na bhi breugach;” “Is fearr peighinn an fhortain na ’n rosad ’us cuig ceud;” “Is ann an uair is goinne am biadh is coir a roinn.” Cha ’n ’eil mi meas gur ann do bhrigh ’s gu bheil an geocaire a’ caitheadh barrachd bidh na dh’ fhoghnas dha, a chainear e cho mor, ged a chreideas mi gu’m feud e bhith gu’m b’ e so cuid de ’n aobhar. Tha mi de ’n bharail gu’n robh ar n-Aithrichean a’ meas geocaireachd ’us pòitearachd ’n an nithean nàrach, maslach; ach cha ’n ’eil teagamh nach amhairceadh iad na b’ fhaide ’n deigh na chuireadh an glamair ’s am misgear a’ dholuidh de bhiadh ’s de dheoch na dh’amhairceas sinne. A dh’ aon ni cha tugteadh fathamas [TD 229] do aon de ’n phaidhir. “Cha tuig an sathach an seang,—is mairg a bhitheadh ’n a thraill d’a bhroinn;” “Cnuasachd uircein buain ’us itheadh;” “Cha dean cas laidir nach ith brù mhor;” “Cha robh brù mhor ’n a seis mhaith do neach eile;” “Tilg mir am beul na beist.” An aghaidh an ditidh so, cha ’n fhaigh mi ach aon radh a ghabhas lethsgeul a gheocaire: “Is tric a bha sonas air beul mor.” A mach o’n chliu a fhuair na Gaidheil mar Shaighdearan, cha ’n ’eil feart, ma dh’ fhaodte, anns a’ bheil iad cho ionmholta ri ’n aoidhealachd,—am fialachd ri luchd-turuis ’s ri coigrich, gu h-araid le Biadh ’s le Deoch. Riamh o’n tha eolas againn air an cleachdadh, bha iad comharraichte airson na buaidh so. Dearbhaidh ar Bardachd, ar Sgeulachdan, ar Sean-fhocail, ’s ar n-Eachdraidh gur i Tìr nam Beann Tìr na h-Aoidheachd; agus cha ’n ’eil coigreach a chaidh air thurus ’n ar measg nach d’ thug fianuis thoileach air caoimhneas agus air fialachd nan Gaidheal. Ge b’e an t-aobhar no an rùn o’n d’ eirich e, cha ’n ’eil teagamh ’n a fhirinn. Theirear gu bheil caochladh a tighinn oirnn anns an rathad so, a chum na cuid is measa, mar ann an iomadh ni eile; ach tha ’n Gaidheal doicheallach, spìocach fathasd air a chunntas ’n a chreutair maslach, agus gu ma fada bhitheas a’ chuis mar sin. Is ann ’n ar Sean-fhocail a mhain a gheibh sinn aobhair ar deadh-bheus agus ar droch-bheus air an cur sios. Mholadh ’us dhi-moladh na Baird Ghaidhealach cho maith ri ach beag; ach ’s ann ainmig a dh’ innseadh iad c’arson. Teagaisgidh ar Bardachd ’s ar Sgeulachdan le eisempleir; is ann ’n ar Sean-fhocail a mhain a gheibh sinn comhairle agus aobhar na comhairle. Ann an rathad aoidheachd ’us fialachd tha mi meas gu’n deach ar Cleachduin os cionn ar Teagaisg. Tha e gun teagamh fior gu bheil na feartan so air an cliuthachadh gu minic agus gu mor; agus gu bheil dimeas ’us tair air a’ dheanamh air an atharrach: “Bheirinn cuid oidhche dha ged bhiodh ceann fo achlais;” “Fialachd do’n fhogarrach ’us cnamhan briste do’n eucorach;” “Bithidh sonas an lorg na caitheamh;” “Tha teid ni sam bith ’s an dorn dhuinte;” “Is maith a sheoladh an rathaid am fear nach bi maith air an aoidheachd;” “Is olc an t-aoidh is misd’ an tigh;” “Suidh gu h-iosal ’us diol gu h-uasal;”—cha b’ urrainn a bhi na b’ fhearr na so. Agus a ris chi sinn am meas a bha na seann daoine a’ cur air caoimhneas ri ’n coimhearsnaich leis mar bha iasachd no coinghill air am moladh leo. “Bha iasad a ghabhail ’s a thoirt riamh feadh an t-Saoghail;” “Millidh airc iasad;” “Cuir an t-iasad dhachaidh a’ gaireachdaich.” Ach is eigin aideachadh gu’n robh beusachd nan Gaidheal mar bu trice feineil. Cha do rainig iad ’n an teagasg cho tric ’s a rainig iad ’n an cleachduin air an riaghailt: “Gach uile ni bu mhiann leibh daoine a dheanamh dhuibhse, deanaibhse a leithid dhoibhsan mar an ceudna.” B’e ’n teagasg, agus an so cha robh iad na bu mheasa na daoine eile: “Gach ni a ni daoine dhuibhse, deanaibhse a leithid dhoibhsan mar an ceudna.” Gheibhear an teagasg ceudna mu bhiadh: “Beathaich thusa mise an diugh ’s beathaichidh mise thusa am maireaeh;” “An lamh a bheir, ’s i gheibh;” “Is iomadh mir a thug thu do’n bheul a mhol thu.” Agus is e teagasg de’n aon seorsa, ach ceum na ’s airde a gheibhear anns na beachdan geur, cothromach air caomhnadh ’s air caitheadh a tha anns na Sean-fhocail a leanas: “Cinnidh a’ chrionntachd, [TD 230] ’s theid an ro-chrionntachd a’ dholuidh;” “Tionailidh maoin maoin,—’s tionailidh fiachan fiachan;” “Tha caitheadh ann is caomhnadh e, tha caomhnadh ann is caitheadh e.” ’N ar Sgeulachdan agus ’n ar Seana Bhardachd gheibhear eisempleiran gun chrich air a’ chuid is airde ’s is fearr de theagasg nan Sean-fhocal. Rachadh “biadh an aite chaitheamh, deoch an aite h-ol, ’s ceol an aite eisdeachd,” a thoirt do’n fhear-thuruis mar a dhlighe, gun fheoraich co-dhiu bu charaid no namhaid e. Lean a’ chleachduin ionmholta so ’n ar Tìr, ann an tomhas mor, g’ar latha fein. Ach o chionn dà cheud bliadhna gheibhear atharrachadh mor anns a’ mheas a bha ar Sluagh, no co-dhiu ar Baird, a’ cur air deoch laidir. B’ abhaist do na seanachaidhean a bhi ’g innseadh mu’n eolas a bha aig priomh luchd aiteachaidh Albainn air liunn a dheanamh de shugh barr an fhraoich, agus air cho curamach ’s a ghleidh iad an t-eolas so o choigrich. Tha e coltach gu’n do chaill iad fein an t-eolas air an deireadh, ma dh’ fheudar idir a radh gu bheil bun no barr aig an sgeul. Ach fhuair na Gaidheil eolas dà cheud bliadhna roimhe so air deoch laidir a lean riu, cia air bith co as, no ciamar. ’S e mo bheachd fein gur ann thar Galldachd a thug iad an t-eolas so—dearbhadh ùr air an t-seann fhirinn nach urrainn mac an duine blasad de chraobh an eolais gun a bhi fiosrach air olc maille ri maith. Fhuair na Gaidheil deoch mhisgeach ’s thug iad uisge-beatha mar ainm oirre; fhuair Innseanaich America a’ cheart deoch o na ceart dhaoine ’s thug iad ainm a bu fhreagarraiche oirre—uisge-teine. Mar so bha e o thoiseach. An uair a choinnicheas Sluaigh, gabhaidh iad ’us bheir iad seachad am maith ’s an t-olc. “Tha smùdan fein os cionn gach foid;” agus eadhon ri fòid an eolais cha gharar Sluagh gun aon a nis ’s a rìs bhi air a thachdadh. Riamh o’n àm a dh’ ainmich mi, bha e ’n a chleachduin aig na Baird a bhi moladh an Uisge-bheatha. Cha ’n fhoghnadh leo “Marbh-rann” a dheanamh do gach aon de ’n luchd-eolais a b’ ainmeile na cheile, anns am biodh gach feart chliuiteach a bhuineadh dha, agus iomadh feart nach buineadh, air an cur as a leth; ach b’ eigin a thuilleadh air fialachd an cairdean, le biadh ’s le deoch, a bhi sniomh moran rannan anns an robh gach buaidh fo’n ghrein ri ’m faotainn co-cheangailte ri uisge-beatha. Cha ’n ’eil teagamh sam bith agam fein nach robh cleachduin ar Baird agus eisempleir morain diubh anns an rathad so cronail d’ ar Sluagh. Tha iomadh ni an aorabh a’ Ghaidheil, ’n a Fhuil, ’n a Eachdraidh, ’us ’n a Thìr, a tha deanamh cuid de chleachduinean neo-fhreagarrach air a shon, agus tha mi meas gur e baigh ri deoch-laidir aon diubh so. Is docha gu’n cuir luchd-aiteachaidh gach Tìr a tha bochd, neo-thorach, meas neo-ghnathaichte air biadh, ’s gu’m bi a chliu mur bi a bhlas gu tric ’n am beul. Theireadh na seann daoine, “Uraireachd na bà a mach ’s a steach, mur leighis so an Gaidheal cha ’n eil a leigheas ann.” Agus tha mi smuaineachadh gu’n aidich gach aon a shiubhail a bheag de ’n Tir ’s a chunnaic a luchd-duthcha a’ suidhe gu biadh aig banais no air turus, gu bheil baigh mhor aca fathasd ri crobh dubh, marbh ’us beo. Ach cha ’n e saill nam bà ach sugh an eorna is ioc-shlaint do gach creuchd a nis. Tha mi smuaineachadh nach do leasaich sinn cleachduin ar n-Aithrichean anns a cheum so. Ghleidh iadsan ordugh ceart eadar Biadh ’us Deoch;—chuirsinne car mu chrios dhiubh agus b’ fhearr iad bhi mar bha. D. M‘K. [TD 231] AM FONN. Fonn—“An nochd gur faoin mo chadal dhomh.” O! SID am fonn a chuala mi An uair a bha mi òg, Mi ’n cluain ri uchd mo mhàthar, Is mo chridhe ’snamh ’n a ceòl; ’S ’n uair chuala mi a rithist e, Aig nighinn ghil nam bò, Gu’n thàlaidh i mo chridhe leis, ’S mi mireagaich mu’n chrò! Bu tric, o sin, ’g a chlàistinn mi Mu eadradh, àrd-thra nòin, ’S mi beadradh, air an àiridh, Ri mo Mhàiri àillidh, òig; No feadh nan glacag fàileanta, ’S an tàrladh dhuinn, gun ghò, Bhi coinneachadh, gu mànranach, Fo sgàilean coill nan cnò. Ach b’ éiginn dòmhs’ an àiridh, Agus Màiri chur air chùl, A’s siubhal fad bho’n àite sin ’S an robh mo ghràdh a’s m’ ùigh, A sheasamh anns na blàir, An aghaidh nàmhaidean ar dùthch’:— ’S an latha dh’fhàg mi ’m Bràighe Righ! bu chràiteach m’ aigne, brùit’! O! sid am fonn a chuala mi, ’S a chuaileinich mu m’ chrìdh’, I’s tric a dhùisg dhomh sealladh Air mo leannan, ’s air mo thìr; An uair a bhithinn airtealach, ’N am chairtealan, le sgìos, Gun taislicheadh e m’ anam, ’Nuair a chanainn e leam fhìn! Ach thog am fonn an tràsa dhomh, Fàth cànrain agus bròin; Oir dhuisg e iomhaigh Màiri A’s mo mhàthar, ’s iad fo’n fhòid— Gach caochladh agus sàrach Thainig air na Gàidhil chòir, Bho’n àm ’s na bhuail an dùn ud mi Le gràdh, ’n uair bha mi òg! —Am Fillidh. AONACHD A’ CHINNE-DHAONNA. (Air leantainn.) GHEOBH sinn barant laidir gu cho-dhunadh gur aon sliochd an cinne-daonna, ma bheachdaicheas sinn air an atharrachadh a thig air creutairean eile ann an cursa aimsir, agus anns na duthchannan fa leth anns am faighear iad. Ma chi sinn an neo-choltaichead is mò eadar dà bheathach a tha gun cheist a’ teachd air tus bho ’n aon fhreumh, nach faod sinn a cho-dhunadh gu bheil an ni ceudna fior mu ’n duine? Cha ’n ’eil moran ann a chuireas an teagamh gu ’n d’ thainig gach seorsa chalman a tha againn bho ’n aon phaidhir air tus,—tha daoine foghluimte ag innseadh dhuinn gur e an calman gorm a gheobh sinn fiadhaich anns na creagan is sine d’ an treubh,—agus nach lionmhor seorsa a tha againn de gach cruth agus dath; a rìs, tha iad ag innseadh dhuinn gu bheil gach gne chon, bho ’n fhear is mò a nuas gus am measan is leibidiche a dh’ fhalbh riabh aig sàil ceaird, a’ teachd gu leir an toiseach bho aon phaidhir. Ma tha so fior, agus cha ’n ’eil an teagamh is lugha r’ a chur ’s a’ chuis, nach ’eil e a cheart cho coltach gu bheil an duine mar an ceudna a’ tighinn bho aon stoc? Am measg gach eadar-dhealachaidh a fhuair sinn eadar duine agus duine cha ’n ’eil bealach a choir cho farsaing ’s a tha eadar cuid de na creutairean a dh’ ainmich mi. A rìs, an uair a chi sinn an caochladh mor a ni mùthadh cor, suidheachaidh agus aite-tuinich anns na creutairean sin, tha an co-dhunadh ceudna ’g a sparradh fein oirnn—gu bheil na ceart aobharan sin a’ togail gach eugsamhlachd a chi sinn ann an cumadh agus ann an coltas ar co-dhaoine, c’ aite air bith am faighear iad. Tha aon doigh ann,—agus cha ’n ’eil e comasach a breugnachadh,—anns an deanar dealachadh eadar gineal seach gineal de na h-ainmhidhean, agus is e sin cho eu-comasach ’s a tha e gu ’m bi sliochd aig càraidean, ged chuirteadh comhladh [TD 232] iad, de chreutairean nach buin d’ an aon ghineal: ma bhios clann aca, cha bhi oghachan; tha Nadur fein, mar gu ’m b’ eadh, “a’ cur stad a’s grabaidh ’s a’ phosadh” mhi-laghail agus neo-bheannaichte. Ach cha ’n ann mar so a tha e ann an teaghlaichean eadar-dhealaichte a’ chinne-dhaonna,—theid dubh a’s geal comhladh agus chi iad an clann agus clann an cloinne. Cha ’n ’eil duthaich air an t-saoghal far an soilleire a chithear an co-phosadh so na ann Mor-roinn America. Tha againn an sin Caucasianaich, Malayanaich, Etiopianaich, agus Innseinich de gach dath agus de gach cruth, a’ sgaoileadh an sliochd gun aireimh thar aghaidh na duthcha. Thar leam gu bheil an so fein againn dearbhadh soilleir gur aon an cinne-daonna gu leir. Cha ’n ’eil taisbeanadh againn is comharraichte air aonachd a’ chinne-dhaonna na tha air a chur f’ ar comhair anns na cànainean fa leth a tha air an labhairt le luchd-àiteachaidh na talmhainn. Shaoileadh neach nach robh moran coltais aig cuid de na cànainean sin r’ a cheile; agus, do ’n chluais no do ’n t-suil neo-chleachdte agus neo-fhoghluimte, cha ’n ’eil; ach air a shon so uile, tha iadsan a stiuir an aire gu sonraichte a dh-ionnsaidh nan teangannan fa leth, agus a rannsaich agus a lean iad a suas troimh gach sruthan agus caochan, gach abhainn agus alltan ’s an do shruth iad g’ ar n-ionnsaidh, ag innseadh dhuinn, mar le aon ghuth, gu bheil de shuaip aca r’a cheile, ’s de chomharan orra gu leir ’s a tha ’toirt an dearbhaidh a ’s do-àicheadh gu ’n d’ thainig iad gu leir as an aon lochan mhor a chaidh a chur troimh-cheile aig Tùr Bhabeil. Cha ’n ’eil a’ ghne eolais so ach ùr; ach cha ’n ’eil am measg uile ionmhasan eolas an t-saoghail tobar is taitniche no is buannachdmhoire na e; agus mar is mò a thatar ’g a sgrùdadh, agus, mar tha eolas nan cànainean agus an cuid chaochlaidhnean a’ dol am farsaingeachd, tha e ’fas na ’s soilleire agus na ’s soilleire gach latha gu ’m buin gach geug agus meangan d’ an chraoibh mhoir so, do ’n aon fhreumh, agus gu ’n do chinn iad gu leir bho ’n aon stoc. ’N am measg uile cha ’n ’eil cànain is brioghmhoire agus is feumaile anns an obair thaitnich so na a’ Ghaidhlig bhinn, bhlasda againn fein, fada ’s mar bha i air a fagail an deigh-laimh agus air a dìmeas mar theangaidh nach b’ fhiù. Tha mi toilichte bhi agam r’ a radh gu ’n d’ eirich latha grianach oirre ’n a seann aois; agus, an uair a bha dream leis nach bu toil i, a’ cur air mhanadh gu h-uailleil, agus moran leis am bu ghradhach i, a’ caoidh gu bronach, gu ’n robh i gu bras a’ crionadh air falbh, tha sinn a’ faicinn eadhon daoine nach urrainn a labhairt, agus do nach bu chomain baigh a bhi aca rithe, ’g a gabhail gu h-aoidheil air laimh. ’N am measg gu leir cha ’n ’eil aon duine is airidh air tuilleadh urraim agus taingealachd bho na Gaidheil na an t-uasal grinn agus sàr-fhoghluimte sin, Professor Blackie, a ghabh a leithid de thlachd ann an cànain ar n-athraichean ’s gu ’n do chuir e e fein gus an dragh a h-ionnsachadh; agus cha ’n e mhain sin, ach, nach ’eil e a’ cur faruim am measg ar luchd-duthcha anns gach cearn d’ an t-saoghal as a leth, agus a’ cur roimhe—rud a shoirbhicheas leis—gu ’m bi a’ Ghaidhlig air a cur ’n a suidhe ann an cathair, an Ard-oil-thigh Dhuneideann, taobh ri taobh ri Greugais a’s Laidinn, a thoirt a fianuis maille riutha mu ’n àm sin, agus is i Ghaidhlig a bha thall ’s a chunnaic an t-àm, ’s an robh “an talamh uile dh’ aon teangaidh, agus na h-aon fhocail aig gach neach.” [TD 233] Tha steidh eile againn air son na barail—gur aon an cinne-daonna—anns na h-eachdraidhnean a gheobhar air an sìneadh a nuas le beul-aithris o linn gu linn, am measg uile fhìneachan na talmhainn. Cha ’n e gu bheil am beul-aithris so air sheol sam bith airidh air gu ’n tugamaid geill dha gu saor—oir is iomadh sgeul neonach agus faoin a tha am measg dhaoine aineolach mu chiad thoiseach a’ chinne-dhaonna—ach is e a tha gu h-araidh luach-mhor dhuinne, an aon-sgeulachd leis a bheil iad gu leir a’ cur an ceill nan aon bheachdan mu ’n doigh anns an do chruthaicheadh an duine, agus an co-chordadh a tha eadar iad mu chiad eachdraidh a’ chinne-dhaonna—co-chordadh nach b’ urrainn a bhi ’n am measg na ’m biodh a phriomh-athair fein aig gach gineal fa leth. Anns na h-eachdraidhnean neo-sgriobhte so aca, gheobh sinn cunntas mu chruthachadh an duine; mu Ghàradh Edein; mu bhuaireadh agus mu thuiteam an duine; mu neo-chiontachd, mu shonas, agus mu chor an duine air tùs, agus mar gheill e do chomhairle na mnatha; agus, mu thuil Noah. Chi sinn aimsir air a roinn ’n a seachdainean anns gach cearn d’ an t-saoghal, agus ìobairtean air an tairgseadh am measg uile shloigh a’ chruthachaidh. Tha fhathast tuilleadh fhianuisean againn ri thoirt air an aghaidh as leth an tagraidh a tha sinn a’ deanamh air son aonachd a’ chinne-dhaonna; agus is e aon diubh sin, an taisbeanadh a tha againn ann an cor-inntinn agus bheusan agus aignidhean dhaoine de gach dath agus de gach gineal. Am feadh a chi sinn moran eadar-dhealachaidh ann an suidheachadh-inntinn threubhan fa leth, chi sinn aig a’ cheart àm gu bheil ’n am measg moran chomharan anns a bheil iad coltach r’ a cheile: leig sinn fhaicinn cheana cuid de dh-aobharan an eadar-dhealachaidh. Tha an duine anns gach ionad a’ tighinn a dh-ionnsaidh an t-saoghail lag agus neo-chomasach air deanamh air a shon fein; agus ma dh’ fhagar ’inntinn gun fhoghlum gun oileanachadh fàsaidh e suas ’n a chreutair borb agus aineolach. Air an laimh eile, chi sinn gu bheil e air a chruthachadh le comasan aige air gliocas ’fhoghlum, agus buaidhean air an suidheachadh ’n a inntinn, aig a bheil cumhachd fàs agus dol am feobhas agus am farsaingeachd. Is i so an fhianuis a tha air a togail leis na missionaries agus le luchd-turais do gach cearn. An uair is isle an duine, agus an uair is truaillidhe a chor, tha fhathast freumh bheag de eolas agus de thogradh ann an geall air rud-eigin os cionn cor nan ainmhidhean a tha m’ an cuairt air—deigh air ni-eigin is airde na ’n suidheachadh truagh anns a bheil e gu nadurra. An uair a theid cothroman air e fein a leasachadh a chur m’a choinneimh, a reir mar ghabhas e riutha agus a chuireas e an cleachdamh iad, eiridh e suas ann an gliocas; theid a chor dìolidh, bochd air chul, agus theid e air aghaidh gu inbh is airde. Agus a bheil e fior, ma ta, na ’n tugteadh a nall aon de na daoine borba, aineolach sin an uair a tha e ’n a leanabh, agus gach cothrom a thoirt dà a tha aig clann na duthcha so, a bheil sinn a’ creidsinn gu ’n nochdadh e a’ cheart tapachd ann an togail foghluim agus gu ’n ruigeadh e air urad aghartachd ann an eolas agus ann an gliocas ri aon againn fein? Is duilich a’ cheist so a fhreagairt. Na ’n tugteadh e far am faiceadh e moran d’ an ghrainealachd agus d’ an droch eiseimpleir a chuireadh moran de mhuinntir na tire so mu ’choinneimh, cha chuirinn geall nach ann a rachadh an duine bochd air ais ’n a bheusan, mar thigeadh e [TD 234] air aghaidh ann an sgoil agus ann an eolas. Tha cuimhne agam air duine bhi ag innseadh dhomh uair, gu ’n do ghabh e uibhean chearc, agus gu ’n do chuir e ann an nead feannaig iad, aig a’ cheart am a’ toirt air falbh uibhean na feannaig. An uair a thainig an gur a mach, thog e leis na h-iseanan á nead na feannaig, agus chuir e ri circ iad. Bha e ag radh, an uair a chinn iad suas, gu ’n robh de nadur na feannaig annta—gu sonraichte anns na coilich—’s nach robh an leithid ann an darna taobh na duthcha; chuireadh iad na sùilean as a’ h-uile coileach a bhiodh air an fhaiche, latha cath nan coileach! Is gann a chreid mi an duine coir; agus cha mhò a theirinn gu’n cuireadh e nadur, no foghlum, no oilean a’ Bhreatunnaich ann an leanabh Africanach, ged rachadh a thogail a nall agus a chur ann an nead maighstir-sgoil no ministeir anns an duthaich so; oir, ged nach àicheidhinn gu’m faodar iomadh aon ’fhaighinn am measg nan daoine dubha a bhiodh a cheart cho comasach air sgoil a thogail rinn fein, cha n ’eil mi a’ meas gu bheil an coimeas idir ceart no freagarrach eadar ginealach a tha ann an dorchadas agus ann an aineolas fad choig mile bliadhna, agus muinntir mar tha sinne ann, a tha fad linntean a’ sealbhachadh airde mheadhon latha gach eolais aimsireil agus spioradail. Ma tha buaidh aig eolas agus fiosrachadh, agus cor agus suidheachadh an duine air dealbh agus cruth a’ chuirp cho math ri buaidhean na h-inntinn, cha b’ ann rè beatha aon duine a bu choir suil a bhi againn ris an aghartachd sin a chuireadh an t-Africanach bochd, ge b’e air bith cothroman a bheirteadh dha, air an aon ruith ruinne, a tha ag òl a stigh eolais agus gliocais as na ciada tobar o chionn iomadh linn. Tha an t-abstol ag innseadh dhuinn, an uair a thachair da fein agus d’ a chompanaich a bhi air an tilgeil air eilein nach b’aithne dhaibh, agus eagal orra nach do rinn iad, a reir coltais, ach dol as o aon chunnart gu bhi air an tilgeil ann an cunnart eile—air an saoradh o ’n fhairge gu bhi air an itheadh leis na fiadh-dhaoine; an aite sin gur ann a “nochd an sluagh borb caoimhneas nach bu bheag dhaibh; oir, air fadadh teine dhaibh ghabh iad riutha uile, air son an uisge a bh’ ann, agus air son an fhuachd;” agus gheobh sinn a’ cheart teastanas aig luchd-turais ann an duthchaibh cein gus an latha ’n diugh—gu bheil am measg moran de na treubhan aineolach agus dorcha air feadh an t-saoghail, iomadh uair ri fhaicinn truacantas agus blath-chridheachd air nach d’ thugadh barr am measg Chriosdaidhean fein. Is fior mar thuirt am bard Cowper, anns a’ Bheurla— “Fleecy locks and black complexion Cannot forfeit Nature’s claim; Skins may differ, but affection Dwells in white and black the same.” Ann an tagradh as leth aonachd a’ chinne-dhaonna tha sinn a’ cur cul ris a’ bharail mhi-mhisneachail agus bhochd mu threubhan arda agus mu threubhan iosal,—barail a bhuineadh air falbh bho chuid d’ ar co-chreutairean an còirichean mar bhraithrean agus mar pheathraichean—clann an aon teaghlaich mhoir,—barail mhearachdach agus sgriosail, a dhealbh geimhlean thràillean, agus a thoinn cuip an luchd-sgiùrsaidh anns gach linn,—barail a thuil-chòmhdaich machraichean farsaing America, a’ bhliadhna roimhe, le fuil a cuid cloinne. Thainig saorsa, ach bu mhor agus bu diùbhalach a prìs! Thugamaid an aire, le bhi ’geilleachdainn do ’leithid so de bharail [TD 235] mhi-airidh agus tharcuisich, nach bi sinn a’ toirt gnùis do ’n teagasg mhearachdach a dheanadh aon chinneach a chur os cionn cinnich eile ann an gnè agus ann an inbh a thaobh naduir. “Nach ’eil aon athair againn uile? nach aon Dia a chruthaich sinn? c’ uime a bheil sinn a’ buntainn gu fealltach, gach duine an aghaidh a bhrathar, le bhi briseadh comh-cheangal ar n-athraichean?” Gu ma fearr leinn a bhi ag amharc ri “linn an àigh,” agus ag oibreachadh air son an àm a thoirt dlùth, anns am bì— “Caoimhneas, comunn, iochd a’s gràdh Anns gach àit am measg an t-sluaigh; Eadar far an éirich grian ’S far an laidh i ’n Iar ’s a’ chuan!” IAIN MACGILLEBHAIN. (Ri leantainn.) SORAIDH CHUIR IAIN MAC MHURACHIDH A CINNTAILE GU MUINTIR SHRATH-GHLAIS. FHIR a theid thar a’ mhonadh, Bheir mise dhut dollar Agus liubhair mo shoraidh Gu sàbhailt. Fhir a theid, etc. Air faidead na slighe, Ma leig i air mhi-thoirt, Gus an ruig thu ’n tigh-dibh’ Anns a’ Bhràighe. Air faidead, etc. Bheir Seònaid an toiseach, Gun mhòran a chosd dhut, Na dh’ fhoghnas a nochd dhut Gu sàbhailt. Bheir, etc. Theirig sios feadh na tuatha Ris an can iad na h-uaislean, ’S cha ’n fhaigh thu fear gruamach Mu ’n fhàrdaich Theirig, etc. Tha ’n dùthaich ud uile, Air a lìonadh le furan, Bho iochdar a buin, Gus a bràighe. Tha, etc. Le mnài ceanalta còire Is grinn air am meoirean ’S is binne ghabhas crònan Dha’ m pàisdean. Le mnài, etc. Le maigdeanan maiseach, Nach d’ ionnsaich droch fhasan, Ach ullamh gu Taisbeanadh càirdis. Le Maigdeanan, etc. Na teirig sìos thar a’ bhaile Ris an can iad Bun-Chanaich Thoir a mach ort An Gleannan ’s àirde.* Na teirig, etc. Tha tri bailtean urad, Gus am fiach dhut do thuras, Gheobh thu fiadhach a’ ghunna Bho phàirt diubh. Tha tri, etc. FEAR MONAIDH. An t-Og-Mhios, 1875. AIR CLEACHDANNAIBH CIANAIL NAN GAIDHEAL ANNS NA H-AMANNAIBH A DH’ FHALBH. Is mòr an tàing a tha dligeach d’on Tì a ta ’riaghladh os ar ceann gu’m bheil sìth agus suaimhneas ’n *This is an allusion to Glencanich, where the people were at that time in easy circumstances. Special mention is made in the next and last verse of three townlands or joint farms, where the men were not only sportsmen like the Bard but men of honourable ambition, who succeeded in giving college education to some of their sons. Of their descendants I remember one Bishop and fourteen Priests, two Colonels, one Major, three Captains, three Lieutenants, and seven Ensigns. Out of all these military men there is only one alive. The rest, or the most of them, left their bones in Africa, between Sierra Leone, Gambia, and Goree. There are six of the clergymen alive; the Bishop alluded to was the late Bishop Fraser of Halifax, Nova Scotia, formerly known in Lismore and Lochaber as “An Sagart laidir.” His surviving brothers are (I think) the nearest blood relations in the Clan Fraser to the present Lord Lovat. [TD 236] ar tir agus gu’m bheil sinn fein agus ar cuid air ar dionadh o gach reubainn agus spùilleadh a bha air an cleachdadh anns gach cearnadh dhe’n Ghaidhealtachd ri linn ar roimh-aithriche. Is lionmhar cath fuilteach agus creach dhéistinneach, air am feudadh cùnntas a bhi air a thoirt, a thachair anns an dùthaich far an d’ rugadh sinn eadar na fineachan. Cha robh a’ Ghàidhealtachd anns na h-amannaibh sin, mar a tha i an diugh, air a dìonadh le laghannaibh cruaidh agus cothromach, agus bha a’ bhuil air a’ ghnothuch, oir bha gach ni anns na làithibh buaireasach sin an crochadh ri faobhar a’ chlaidheimh, agus b’ iad na fineachan bu chliùitiche iadsan bu diorrasaiche chum gach creach agus sgrios a chur air an aghaidh. Tha’n fhirinn gu’n robh cùisean mar sin, air a deanamh soilleir leis an iomradh a ta againn ann an eachdraidh air gach aimhreite agus tagluinn a bha eadar na cinn-fheadhna o shean; ach is iomadh gniomh cruadalaeh a rinneadh air am bheil eachdraidh na rioghachd gu tur ’n a tosd, agus air am bheil iomradh againn a mhàin trid béul-aithris. Nach lionmhor gnìomh euchdach agus allail a rinneadh ann an garbh-chriochaibh na h-Alba, ri linn an tréun-laoich ghaisgeil sin Rob Ruadh Mac Griogair! Bha Rob Ruadh ’n a chuiridh làidir agus teòma, ach an déigh sin rinneadh iomadh euceart agus fòirneart air, agus feudar a radh m’a thimchioll:— Chaidh e stigh do na blàraibh, Le mòr-shunnt agus làn toil; ’N àit bhi meath-chridheach, sgàthach, ’S ann bha mhisneach ’sir fhàs da; ’S ged bu tric e ’s an àr-fhaich’ Thug a thuigse ’s a thàbhachd, Da a mach a’ bhuaidh-làrach, S cha bu mhios a làmh air an tòir. Ach àimhreiteach ’s mar bha staid na dùthcha ann an làithibh Roib Ruaidh, bha i moran ni bu mhiosa linntean roimh sin, an uair a bha beatha agus bàs gu h-iomlan ann an làmhaibh nan ceann-feadhna. Ach dh’ aindeoin gach fuil a dhòirteadh, cha robh e an comas lagh na rioghachd an toirt fo smachd. Co’-dhàingnichidh an sgeul a leanas sin agus ioma sgeul eile a dh’ fheudadh a bhi air an aithris cosmhuil rithe. Goirid o cheithir cheud bliadhna roimh so rugadh oighre air Gart, aig bun Ghlinn-Liobhainn do’n d’ thugadh cioch le té de Chloinn Dhiarmaid. Bha dithis mhac aice, aon diubh comh-dhalta do oighre Ghairt, agus am fear eile na bu shine na sin. Dh’ fhàs an t-oighre suas ’n a òganach sgiamhach agus gaisgeil, agus cha robh a chomh-dhalta a bheag sam bith air deireadh air, a thaobh misnich agus tàbhachd. Aig an àm sin bha an earrann bu mho de Ghleann-Liobhainn le cloinn Iabhair, cinneach dalma agus cruadalach, a chaill còir air an oighreachd goirid an déigh do’n sgéul a leanas tachairt. Dh’ éirich aimhreite eadar am mac a b’ oige bh’ aig banaltrum oighre Ghart, agus aon de chloinn Iabhair; agus air do’n òganach mòran tàmailt fhaotuinn thubhairt e ri Mac Iabhair, “Mar is beò mise, a Mhic Iabhair, bheir oighre Ghart ort gu’n diol thu air son so fathast.” Dhealaich na fir agus cha do chaill an t-òganach agus a bhràthair ùine sam bith gus an d’ thug iad Caisteal Ghart orra, a chur an ceill do’n uachdaran mar a thachair. Chual Clann Iabhair gu’n do ghabh na h-òganaich an t-slighe gu Gart agus air ball, chuir iad an ruaig orra. Thàinig iad air an dà bhràthair gun fhios gun aire dhoibh, ach air doibhsan an cunnart fein fhaicinn ghrad-léum iad a stigh do linne dhomhainn ann an Liobhainn, ’s an dòchas nach leanadh Clann Iabhair leis an eagal iad. Ach ged nach deachaidh Clann [TD 237] Iabhair a stigh do’n amhainn, gidheadh, thilg fear diubh saighead air na h-òganaich a bha ’s an linne,—lèonadh comh-dhalta Ghart gu searbh,—thuit e sios do ghrùnnd na linne, agus bhàthadh e. B’ e Dòmhnull Mac Dhiarmid a b’ainm da, agus goirear “Linne Dhòmhnuill” ris an àite gu ruig an là an diugh! Fhuair an t-òganach eile comas teichidh, agus ràinig e Gart. Dh’ innis e do’n tighearna òg mar a thachair, agus air da a bhi làn corruich air son mar a bhuin Clann Iabhair ri chomh-dhalta, chuir e roimhe air ball aichmheil a thoirt a mach, agus a bhàs a dhioladh. Chruinnich e gu h-ealamh a chuid daoine, agus ràinig e Gleann Liobhainn air an ceann. Air do Mhac Iabhair cùisean a thuigsinn, chruinnich esan, mar an ceudna, a luchd-leanmhuinn fein, agus chòmhlaich e Fear-Ghart aig meadhon a ghlinne. Air do na seoid coinneachadh, chuir iad fàilt air a chéile, agus labhair iad dh’ fhéuchainn an rachadh cùisean a shocrachadh gu’n bhuille a bhualadh. Bha breacan air guaillibh Ghart air an robh taobh dearg, agus taobh dorch, agus thubhairt e r’a chuid daoine, iad a bhi deas gu bualadh air na naimhdibh gun mhoille, gun bhàigh, na’n cuireadh esan taobh dearg a’ bhreacain a mach! Is gann a thug e an àithne so seachad, an uair a rinn Mac Iabhair fead, agus ghrad leum mòran dhaoine fo’n làn armachd á bad coille a bha goirid o laimh, agus sheas iad maille ri’n ceann-cinnidh, agus ris na fearaibh a bha còmhladh ris, a labhairt ri Gart. “Cò iad sin,” ghlaodh Fear-Ghart, “agus ciod an gnothuch an so?”—“Is iad sin,” ars’ Mac Iabhair, “treud de na h-earbaibh agamsa, a ta léumnaich air feadh nan tom agus nan creag.” “Dìreach ceart,” ars’ an t-òigear eile, “ma’s ann mar sin tha ’chùis, tha ’n t-àm agamsa a bhi ’gairm mo mhiol-chon. Ghrad-thionndaidh e an taobh dearg de ’n bhreacain a mach, agus am priobadh na sùla, bha na fir am badaibh a cheile. Car ùine bha ’n tuasaid teth agus garg, agus bha closaichean nam marbh ’n an luidhe gu tiugh air an raon. Ma dheireadh, theich a’ chuid a bha lathair de chlainn Iabhair,—thug iad na beanntan orra, agus a mach o’n là sin chaill iad am fearann. Tha e air innseadh nach bu mhòr a chaill Gart anns an tuasaid sin, ach gu’n do thuit corr agus seachd fichead de na Liobhannaich thruagha, agus gu’n d’fhàgadh an closaichean gu’n deo re na h-oidhche air na raointibh far an do thuit iad. Tha iomadh cuimhneachan air an là fhuilteach sin fathast anns a’ Ghleann an do thachair e. Mu’n do thòisich an cath, thilg fir thighearna Ghart an cuarain bhàrr an cosaibh, a chum gu’n ruitheadh iad na bu luaithe air an tòir, agus theirear “Leac nan cuaran” fathast ris an àite ’s an d’rinn iad sin. Tha mar an ceudna “Rùisgeach,” “Lagan a’ chatha,” agus “Camus nan càrn,” mar ainmean fathast air na h-àitibh sin far an do rùisg iad an claidhean,—an do chuir iad an cath,—agus an d’adhlaic iad na daoine a thuit. Tha ’n amhainn fein n’ a cuimhneachan air an la fhuilteach sin, oir roimh an àm sin, b’ e “Diubh” a b’ ainm do’n amhainn, agus “Gleann Duibh” a b’ ainm do’n ghleann. Ach an uair a phill Fear-Ghart agus a chuideachd o’n ruaig, “lìobh” no ghlan iad an claidhean fuilteach anns an amhainn, gus an robh an t-uisge dearg; agus an sin, ghlaodh an ceann-cinnidh a mach, ag ràdh, “Cha ghoirear “Duibh” mar ainm air an uisge so tuilleadh, oir, o là liobhaidh nan arm, bithidh “Lìobhann” mar ainm air “Duibh.” Féudar a nis cunntas a thoirt air [TD 238] là fuileachdach eile a thachair goirid o’n àite chéudna, beagan bhliadhnaichean, roimh àm na téugmhail eadar Fear-Ghart agus Mac Iabhair. Thàinig tighearn Airdghobhar air sgriob do Raineach, agus phòs e nighean do Thighearna Shruthain, ceann-cinnidh Chloinn-Donnuchaidh. An uair a thug fear Airdghobhar a bhean fein leis dh’ ionnsuidh a’ chaisteil fein, chuir Fear Shruthain coignear ghillean sgairteil maille ri ’nighinn, a bha ’n an càirdibh dileas dh’ i fein, agus anns am feudadh i a h-earbsa a chur am measg choigreach. Thug uachdaran Aird-ghobhar seilbh fearainn do’n choignear òganach sin dlùth d’ a h-àite còmhnuidh fein, agus rinn e gach ni ’n a chomas chum gu’n soirbhicheadh leo. Bha iad measail aig muinntir Airdghobhar air sgàth na baintighearna, air an robh mor-mheas aca, agus cha’n ’eil teagamh, nach gabhadh iad fein, agus an sliochd ’n an déigh còmhnaidh air fearann Airdghobhar, mur b’ e mar a thachair. Bha gach aon de’n choignear a chaidh á Raineach, tréun agus gaisgeil, ach thug am fear bu lugha dhiubh barrachd air càch uile do thaobh gaisg’ agus tapachd, ach gu sònraichte do thaobh a theomachd eucaich le bogha agus le saighid. B’ e Alasdair Beag Mac Dhonnuchaidh a’ b’ ainm do’n òganach ealanta so, agus cha b’ fhad gus an do dhùisg a lùth-chleasan eud agus gamhlas ann an cridheachaibh luchd-leanmhuinn Airdghobhar ’n a aghaidh. Là de na làithibh dh’ eirich connsachadh eadar Alasdair Beag agus òganach sgiamhach eile de mhuinntir Airdghobhar. Chaidh na fir am fionnsgan a chéile, ach cha b’ fhada gus an do leag Alasdair Beag an t-òganach gun deò air an làr! Cha deanadh fuireach féum tuilleadh; b’ éigin do Mhac Dhonnuchaidh am fireach a thoirt air. Thug e na buinn as air ball, agus cha do ghabh e tàmh no fois gus an d’ ràinig e a cheann-feadhna euchdach agus cruadalach fein, “Iain Dubh Gear,” no mar a theireadh iad ris, “Iain Dubh nan lann,” a bha ’gabhail còmhnaidh ann an Gleann Duibh, ris an abrar a nis Gleann-Liobhainn. Dh’ innis e do’n tréun-laoch Iain Dubh, mar a dh’ éirich dha ann an Airdghobhar, agus thubhairt Iain ris, “Cha’n eagal duit, a Mhic Dhonnachaidh; gabh fasgadh fo m’ sgéith-sa, agus ma thig mac màthar á Airdghobhar a chur dragh’ ort, cha teid e dhachaidh a dh-innseadh a sgeoil. Fàgaidh sinn a nis Iain Dubh agus Alasdair Beag ann an Gleann-Liobhainn, a’ tighinn air an gniomharaibh gaisgeil fein fa seach, agus theid sinn le ’r sgéul, car tamuill bhig, do Shrathghlais, ann an siorramachd Inbherneis. Air là àraidh bha’n Siosalach, uachdaran Shrathghlais, agus buidheann thaghta maille ris, a mach a’ sealgaireachd air feadh nam beann. Air doibh a bhith air an sàruchadh le siubhal nan beann, chaidh iad a steach aig cromadh an anmoich, do bhothan bantraiche truaighe, a bha ri taobh an rathaid, agus gun a cead iarraidh mharbh agus dh’ith iad an t-aon laogh a bha air a seilbh. Cò a thachair a bhi stigh ’s an am ach duine bochd á Ghleann Liobhainn, a bha siubhal o àite gu àite ag iarraidh na déirce. Cha robh na cùisean a’ còrdadh ris an duine bhochd, air chor sam bith, agus thòisich e ri bhi ’cur dheth agus a’ gearan. Thionndaidh an Siosalach, agus thubhairt e, “Ciod a tha ’cur ort, a bhodaich leibidich, dhranndanaich?” “Cha’n ’eil a bheag,” deir an duine bochd, “ach tha fios agam air aon ni, ’s cha bhinn leat a chluinntinn,—tha fios agam far nach biodh a chridhe aig an t-Siosalach e fein a ghiulan mar [TD 239] a rinn e ’s a’ bhothan so.” Las an ceann-cinnidh uaibhreach le corruich, agus thubhairt e, “Innis domh, a bhodaich, c’àit nach biodh a chridhe agamsa mo thoil fein a dheanamh?” “Tha,” deir am bodach, “ann an dùthaich Iain Duibh nan lann.” Mhionnaich an Siosalach gu’m biodh dearbhadh aigesan air sin mu’n rachadh mòran làithean seachad. Thuig an duine bochd nach biodh cùisean réidh, agus cha do chaill e ùine sam bith gus an d’ ràinig e Iain Dubh nan lann, agus gus an d’ innis e dha focal air an fhocal mar a thachair. Fhuair Iain Dubh soire mhòr do’n duine bhochd air con a luathais-theanga, ach thug e maitheanas da, agus thòisich e air gach ni a dheanamh deas air son teachd an t-Siosalaich. Cha b’ fhad a chuir an Siosalach dàil ’s a’ ghnothach, oir cha deachaidh seachdain thairis, an uair a bha fir Shrathghlais, agus an uachdaran air an ceann air fraighibh Ghlinn-Liobhainn. Bha freiceadan aig muinntir a’ Ghlinne a mach a ghabhail beachd air gach beinn agus beallach, agus chunnaic iad na Tuathaich naimhdeil a’ tarruing am fagus. An uair a roghnaich an Siosalach àite-taimh freagarrach air a shon fein, agus air son a cheatharnach, chuir e teachdaireachd dh’ ionnsuidh Iain Duibh, ag innseadh dha cuirm a bhi deas aige air son beagan cuideachd, a bha teachd a dh’ amharc air o’n àirde-tuath; “agus mur bi,”—ars’ an Siosalach, ach cha dubhairt e tuilleadh. Fhuair Iain Dubh an teachdaireachd, agus thuig e gu ro mhaith a seadh. Ghrad-chuir e fios air ais gu’m biodh gach ni deas a bha freagarrach air an son, agus iad a thighinn air an aghaidh gu h-ealamh, “ach” ars’ Ian Dubh “ma thig,”—agus stad e an sin. Thuig na laoich air gach taobh gu’n robh na cùisean gu bhi garbh, agus air gach taobh rinneadh gach uidheamachadh air a son. Chaidh na Siosalaich gu faiceallach air an aghaidh, agus bha Iain Dubh mar gu’m b’ann air eutromas-céille le mire-chatha, chum deannas cruaidh, teth, a thoirt doibh. Bha seachdnar mhac aige, òganaich co ealant’ agus clis ’s a ghiulain riamh iubhar, agus saighead, agus dòrlach! Chaidh ceathrar diubh air laimh dheis an athar, agus an triuir eile air a laimh chli, maille ril an robh mar an ceudna, Alasdair Beag Mac Dhonnuchaidh, a bha comharraichte ’n a linn fein air son cuimse a ghabhail le saighid. Theirinn an Siosalach air ceann a chuid dhaoine chum na h-aibhne, an uair a bha na Liobhannaich thall fa’n comhair air an taobh eile. Bha ceann-feadhna Shrathghlais air éideadh o ’bhàrr gu ’bhonn le lùirich-lannaich, clogaid, agus ceann-bheart, air chor ’s nach ruigeadh saighead air a leonadh. Bha’n là soilleir, grianach, teth, agus chunncas gathanna na gréine miltean air astar, a’ dearrsadh mar ghrad-bhoisgeadh an dealanaich air armachd nan laoch! Thog an Siosalach a chlogaid suas os ceann a shùl, agus air a’ mhionaid sin thilg Alasdair Beag saighead a bhuail an clàr an aodainn air ceannard Shrathghlais! Ghrad spàrr an duine leònta a làmh air an lot, ach ghlaodh Mac Dhonnuchaidh, “A Shiosalaich, gheobh thu an t-saighead air do chùlaobh,”—ach bha’n Siosalach gun chomas freagairt, oir thuit e marbh ’s an làraich. Tha’n t-àite far an d’thug e suas an deò fathast air a chomharrachadh a mach le cloich mhòir, ris an abrar gus an la ’n diugh,—“Clach an t-Siosalaich.” An uair a chaill na naimhdean an ceannard, threig am misneach iad, agus thionndaidh iad an cùl air na Liobhannaich. Chuir Iain Dubh Gearr an ruaig orra, agus cha d’ fhàgadh mac màthar diubh [TD 240] beò, ach am piobaire a mhàin. Thugadh cead dhàsan dol dhachaidh a dh’ innseadh sgéul a’ bhròin d’a chàirdibh agus d’a chinneadh. Beagan an deigh sin thug Iain Dubh nan lann a nighean ’n a mnaoi do Alasdair Beag Mac Dhonnuchaidh, agus tha e air aithris gu’m bheil an sliochd-san fathast lionmhor anns na criochaibh sin. Bha na h-amanna sin searbh agus garbh, ach chaidh iad seachad. Uime sin, biodh uile luchd-leughaidh a’ Ghaidheil, agus muinntir na tire gu léir, taingeil do’n Uile-chumhachdach, nach ’eil eòlas aca air na h-amannaibh sin, ach a mhàin ann an iomradh, agus ann an eachdraidh. SGIATHANACH. SGIALACHD ÆNEAIS LE VIRGIL. Eadar-theangaichte o’ n Laidinn gu Gailig le D. B. B. (Air a leantuinn.) Far an do thuit Hector calm A lot an t-Aichioll garg le sleagh, A’s far am beil Sarpedon garbh ’N a laidhe sinte marbh air magh, Simoeis nan cuairt-shruth bras A’ tionndadh car air char fo thuinn, Sgiathan ’s clogaidean nan laoch, ’S an cuirp chalma ghaolach chruinn.” ’N uair labhair e gu faoin, ghrad-bhuail Gaoth shrannach bho thuath gu treun Ri seòl na luinge, ’s thog i suas Na tonnan uaibhreach chum nan speur. Bhriseadh na raimh; ’s chlaon an long A’s chuir i slios ri tonn gu grad; A’s dh’ éirich an t-uisge ’n a dhùn Ard mar mhonadh stùcach cas, Chrochadh cuid air bàrr nan tonn, ’S chunnaic cuid diubh ’n grunnd ’s a’ chlais; Bha muir a’s gaineamh feadh a cheil’ Le boile dhéin a’ goil gu cas; Tri longan spion a’ ghaoth á deas A’s bhuail i iad air sgeir fo thuinn D’an ainm an Altain; carraig chruaidh Gun dad dith ’n uachdar ach a druim; Tri eile ruaig a’ ghaoth an Ear Air tanalach a’s gaineamh beò, ’G an iomain a stigh bharr a’ chuain Bu shealladh e bha truagh gu leòir! Bhuail i iad air oitir chruaidh, ’S thog gaineamh mu’n cuairt ’n a tòrr. Long nan Luichianach nach tìom, ’S an robh Orontes dileas còir, Dh’ éirich tonn mòr os a ceann ’S bhuail deireadh na luing f’ a shuil; Thilgeadh fear na stiùrach sios, An coinneamh a chinn ’s a chuil; Ghlac an tonn i ’n sin gu grad ’G a toinneamh tri char mu’n cuairt, A’s shluigeadh i le cuairteig chais A chuir á sealladh i ’s a’ chuan. Chithear sgaoilte bhos a’s thall, A’ snamh air an doimhne mhoir, Clair na luinge ’s airm nan laoch, A’s ionmhasan daor na Tròidh. Long làidir Ilioneuis chaoimh, A’s long Achateis laoch ro chruaidh, Long Abais us Aleteis aosd’ Bhris an doinionn bhaoth gu luath. ’Dh ’fhuasgail ceanglaichean nan taobh, ’S an t-uisge, thaom a stigh ’n a steall, Sgain na clair gu grad bho cheil’ A’s dh’ fhas iad eudionach ’s gach ball. ’N sin mhothaich Neptun gu’n robh stoirm A’ cur na fairge thar a cheil, Doinionn mhor a thog bho’n ghrùnnd, An t-aigeal ’s gach duil gu léir. Bha inntinn fo bhuaireas trom Lan cùraim mu dhoimhn’ a’ chuain; Thog e suas a cheann gun dàil Le aghaidh mhàld air bhàrr nan stuadh. Luingeas Æneais, an laoch, Chunnaic e sgaoilt’ air a’ mhuir, ’S na Troidhich claoidhte leis na tuinn, A’s leis an doininn oillteil dhuibh. A’s cha robh folaichte bho shùil, Cuilbheartan Iuno ’s a fearg; Ghairm e ghaoth near ’s a’ ghaoth niar A’s labhair riu am briathraibh garg, “A Ghaothan ladurna na ruais, Carson a tha bhur n’ uaill cho mòr, ’S an teaghlach dh’ àraich sibh air tùs, An uair a bha sibh mùirneach òg? Nach dàna dhuibh gun chead bhuam fein, Talamh ’s neamh chur bun os ceann, A’s beanntan thogail leis an stoirm Ach bheir mis’ oirbh ’n uair thig an t-am,— Ach ’s feàrr dhomh sith a chur ’s an uair Air na tonnan uaibhreach garbh. Ach diolaidh sibh na’s mo a rìs An ath-uair theid sibh cli gu dearbh. Teichibh gu grad chum ur righ A’s innsibh dha mar so gun dàil, Nach d’ fhuair e impireachd a’ chuain, No ’n Tri-bhiorach cruaidh ’n a laimh. ’S ann dhomhsa thugadh sin le còir; Ach riaghladh esan còs nan creag, Do thuineadh-s’, O Earghaoth ro gheur, Bho ’n tric a shéideas tu le neart, ’S an Aros sin tha farsuinn mòr, Deanadh Æolus bòsd nach gann, ’N a righ ann am priosan duint’ S na Gaothan ’n a dhùirn gu teann.” Labhair e, ’s cha luaithe rinn, [TD 241] Na chiùinich na tuinn gu réidh. Sgap e coithional nan nial, A’s dh’ aisig e ghrian ’s an spéir, Thainig Tonnruith * ’s Triton mòr A’s rinn iad còmhnadh ris gu luath, Phùc iad na longan le neart, Bho mhullach nan sgeirean cruaidh. Ghabh e ’n Tri-bhiorach mar lùnn, A’s thog e iad le lùth’s a làmh; Leig e ris a’ ghaineamh bheo, ’S na h-oitirean mòra bàn; Chuir e fèath air aghaidh ’chuain A’s ruith e gu luath ’n a still, ’N a charbad air barraibh nan stuadh Le rothaibh neo-fhuaimneach grinn, Mar tharlas ann an cumasg sluaigh ’N uair dh’ eireas duaireachas gu tric, ’S a lasas le corruich suas, A’ ghraisg an-uasal neo-ghlic; Tilgear clachan ’s leusan dearg, ’S gach arm a gheobh fearg an t-sluaigh; Ach ’n uair a chi iad seanair còir Ro chràbhach ’s ro mhòr an luach, Seasaidh iad ’n an tosd gu grad A’s bheir iad aire dha le ’n cluais; Le bhriathraibh ceannsaichidh e ’m fearg, A’s ciùinichidh e gairg an smuain, ’B’ amhuil thuit braighlich a’ chuain. N uair sheall mu’n cuairt air a’ mhuir Neptun an t-athair bith-bhuan, An t-uachdaran thar gach tuil. Ghrad-shiubhail e tre’n iarmailt luim A’ stiùradh nan each mu’n cuairt, A’s leig e ’n t-srian leotha ’n àm falbh, Ag itealaich ’n a charbad luath. Ach cuideachd Æneais ’s iad sgith, Dh’ iarr an tir a b’ fhaisg air làimh, ’S air còrsaibh Luibia nan tùr Thionndaidh ’n cùrsa ris an tràigh. Ann an geodha fada réidh, Tha ionad tèaruinte bho’n ghaoith, Rinn eilean dheth cala sèimh Le sineadh a mach, gach taobh; Ri slios an eilean brisidh ’n tonn A thig ’n a still bho dhoimhn’ a’ chuain, Sgoiltidh e, ’s ruithidh ’n a dheann A steach do chamus cruinn mu’n cuairt, Air gach làimh tha creaga mòr, A’s dà sgôrr ro chorrach àrd, Fo sgàile nan creag thall ’s a bhos Tha mhuir tosdach ciùin ’n a tàmh. Gu h-àrd air mullach nan sgùrr Tha coille dhosrach ùr a’ fàs, A’s doire dubh dubharach dlùth An crochadh os cionn a’ bhàigh, Le creagan crocht’ os a ceann; Mu choinneamh thall chithear còs, Tha tobar fior-uisg innte steach, A’s cathraichean de chlachaibh beò, Ionad-tàimh nan òighean naomh: *Cymothoe. Cha cheanglar le taod an long, ’N uair ghabhas i fasgadh bho ’n t-sion, ’S cha ’n iarr i ann acair crom. An so chaidh Æneas a steach Le seachd longan maiseach luath A thionail e de’n chabhlach mhòr Bha seòladh leis air a’ chuan; Na Troidhich chaidh mach air tir Air an robh an déigh cho mòr, A’s ’n uair a sheas iad air an tràigh Rinn iad gàirdeachas gu leòir: An cuirp a bha fliuch le sàil Shin iad air an làraich luim Air a’ chladach ghainmhich réidh Ris an tric, a leum na tuinn. ’N sin bhuail Achates air tùs Srad bho’n spuir ùir le cruaidh, Lasadh leis duilleach nan craobh, A’s charn e connadh caoin mu’n cuairt Ghabh an teine greim gu grad, A’s dh’ éirich an lasair suas, Ghrad-shuidh a’ chuideachd ’s iad sgith, Le ànradh na sine cruaidh. ’N sin thug iad an gràn air lom A mhilleadh le tuinn a’ chuain, Gach inneal gu fuineadh ’s gu bleth, Chuireadh leo air leth gu luath; A’s chruaidhich iad le tein’ an gràn A chaidh a shàbhaladh bho’n tuinn; Mheil iad e le muileann-bràth, ’S dh’ fhuin iad dearnagan deth cruinn. Ach dhirich Æneas suas Gu mullach carraig cruaidh ’s an àm: Sheas e, ’s ghabh e fradharc-cuain Fada bhuaithe, bhos a’s thall. Am faicteadh leis Anteus caoin ’G a iomain le gaoith air sàil, ’S na birlinnean dà-ramhach sliom, Bho Phruigia tir an àigh. No Capus an gaisgeach cruaidh; No suaicheantais Chaïcuis mhoir An crochadh thar deireadh na luing Mar bhrataich os cionn nan seòl. Long cha’n fhacas air muir réidh, Ach chunnaic e tri feidh air tir. A’s greadhuinn mhòr a’ teachd ’n an déigh, Ag ionaltradh air réidhlean glinn. Sheas e ’n sin a’s ghlac ’n a làimh Am bogha cruinn ’s na saighdean luath: Na h-airm a bh’ aig Achates fior, A charaid dileas anns gach cruas. Leag e ’n toiseach na daimh mhòr, Cinn-fheadhna chròcach nan ceann àrd; A’s cuid diubh reubadh leis gu bàs. Dhian-ruagadh leis a’ ghreigh gu léir Do dhoire geugach nan dlu-bhàrr, A’s mu’n do sguir e dh’ fhàg e marbh Seachd cairbhean reamhar air a’ bhlàr. Bha damh aige air son gach luing, As thionndaidh e cheann ris an tràigh ’S ’n uair ràinig e compaich a rùin, Roinn e chreach gu dlùth air càch. [TD 242] Thug e ’n sin doibh deoch de’n fhion A thaisg Achestes fial, an laoch, N a bhuideil lan, an am dhoibh triall Bho eilean Trìonairdeach* nan craobh. A’s mhinich e le briathraibh caoin Cridhe nan laoch a bha fo bhròn; “A chairdean, ’s aithne dhuinn gu léir Gach ànradh geur a thàinig òirnn, Dh’ fhuilig sibh truaighean bu mhò, ’S bheir Dia iad so fòs gu crìch: Chaidh sibh dlùth air Scuille ghairg, Na sgeirean fuaimneach garbh neo-mhin. Chunnaic sibh fos cragan cruaidh Nam Famhair Cuach-shuileach* gun bhaigh; Glacaibh misneach air an uair A’s cuiribh ’n t-eagal uaibh gun dàil. Faodaidh bhith gun tig an t-am ’S an cuimhnichear so le tlachd. Do Latium tha sinn a’ triall Tre chunnartaibh lionmhor a’s pailt. Tha ’n fhaisneachd a’ cur an céill Gu’m faigh sinn ionad réidh gu tamh, ’S gu’n éirich righeachd Thròidh as ùr, ’S an dùthaich ud mar tha ’s an dàn. Cumaibh bhur misneach a suas, A’s seasaibh buan, gu ruig a’ chrioch; Coimhdibh sibh fein mar is dual Gu amaibh buadhar nan deagh ghniomh.” Labhair e mar so gu ciùin, ’S e le trom chùram air a chlaoidh; Ach nochd e dòchas ann a ghnùis A’s cheil e bhròn an grùnnd a’ chridh. Chaidh na seòid an sin air seirm A los a’ chuirm a dheanamh deas, Dh’fheann iad an t-sitheann gun dàil, ’S an greallach air a’ bhlàr leig ris. Gheàrr cuid diubh ’n a miribh an fheòil, Gu ròstadh air na bioraibh cruaidh; Chroch cuid air tràigh an coire prais, ’S an teine dh’fhadaidh ris gu luath. Dh’ ùraich iad an neart le biadh, Sint’ air an fhiar laidh iad sgaoilt, ’G am beathachadh le saill nam fiadh, A’s dh’òl iad pailteas de ’n fhion aosd. ’N uair shàsaicheadh iad leis an lòn, ’S a chuir iad am bòrd gu taobh Theann iad ri rannsachadh air ball Na bha air chall de luchd-an-gaoil. Oir bha iad ann an imcheist mhòir Le eagal, ’s dòchas taobh air thaobh, Cia dhiubh a bha iad beò no marbh, No ’n cluinneadh iad gairm no glaodh. Gu sònruicht’ Æneas, an saoidh, Bu ghoirt a chaoidheadh e leis féin Bas Oronteis thapuidh chruaidh, ’S Amycuis chruadalaich nach géill. A’s chiteadh e fàsgadh nan dòrn Mu bhàs doineach Lycuis thréin; Mu Ghyas a’s Cloänthus calm, *Trinacria Tri Airdean Ruchacan. *Cyclopes. Bu ghaisgich ainmeil iad le chéil’. Nis tharruing an latha gu ceann, ’N uair sheall Iobh bho àird nan neamh Air cuan siùbhlach nan seòl bàn, ’S gach tir a’s tràigh a tha fo ’n ghréin, ’S gach sluagh a ta bhos a’s thall: A’s sheas e ann an druim nan speur, Bheachdaich e gu geur le shùil Air Luibia dùthaich nan treun. Bha chridh’ le cùram troimhe chéil’ Nuair thainig Venus, ’s i fo sprochd, A sùilean dealrach sileadh dheur, A’s labhair ris gu réidh mar so; “O thus’ a riaghlas thar gach ni Measg dhaoine agus dhe fa leth, Le d’ chumhachd siorruidh buan gu h-àrd, ’S do thairneanach ’g an cur fo gheilt; Ciod a rinn m’ Æneas còir? No ciod a rinn na Tròidhich ort? Gu’n d’ fhuilig iad cho liugha bàs, ’G am fuadach as gach àit gu goirt. ’G an ruagadh de ’n domhan gu léir Air sgàth na h-Eadailt tir an gràidh? Gu cinnteach gheall thu dhomhsa féin Gun eireadh na linntean aigh, ’N uair shiubhladh bliadhnachan mu’n cuairt ’S a ruitheadh aimsir luath gu ceann, Gu’n eireadh na Romanaich suas Bho ’n fhior fhuil uasail gun mheang, Iarmad Theucheir mhòir nam buadh A’ cinntinn as nuadh a ris, A cheannsaicheas gach fine ’s sluagh Fo ’n uachdranachd air muir a’s tir. Ciod uime nis, Athair chaoimh, A thàinig caochladh air do rùn? Bha mise toirt sòlais domh féin, Gu’n eireadh gach ni as ùr, Ged thuit Tròidh àrd nan stuadh Le leirsgrios duaidheach gu làr; Mu choinneamh gach mi-shealbh a’s truaigh Thomhais mi suaimhneas agus àgh. Tha ’n cruaidh-fhortan ceudna ’g an ruith Ged thainig iad tre chunnart mòr. Ach ard-righ a ta beo gu sior Cuine a chriochnaicheas tu am bron? ’N uair thàr Antènor tearuint’ as Bho laimh nan gaisgeach bho ’n Ghréig, Sheol e steach le ’longaibh luath Do chuan Illyricuim gun bheud. ’N sin thàinig e air tir le buaidh, A’s chaidh e féin ’s a shluagh gun stad Gu righeachd nan Lioburnach cruaidh, ’S Timavus nan luath-shruth bras Tha ruith ’n a naoidh sruthaibh borb, ’S a’ bheinn ri torman a’s co-ghàir, Mar bhuinne-shruth mara ’n a still, ’S na dailthean leis an dilinn bàitht’. Ach shuidhich e ’n so baile mòr, Patavium, comhnuidh nan sàr A theich o Throidh; us thug e ainm Do ’n chinneach a ghabh seilbh ’s an ait. [TD 243] Oir ghoir e Tròidh de ’n bhaile nuadh A’s chuir e suas a h-airm gu h-àrd, A nise, tha e mealtainn fois Gu siochail socrach air gach làimh; Ach sinne, do shliochd runach féin D’ an d’ thug thu riaghladh nèamh gu buan Chaill sinn ar longan gu léir, Ge brònach an sgeul r’ a luaidh! Thilgeadh sinn gu tur air chùl Air son corruich Iuno mhain, A’s cian bho ’n Eadailt dh’ fhògradh sinn Fad air falbh bho thir ar gràidh. ’N e so an t-urram, Athair chaoimh, A gheobh an saoidh a ta gun fheall? Mar so an aisigear leat sinn A dh’ ionnsuidh righeachd mar a gheall?” Dhearc athair nan daoine ’s nan dia Oirre le fiamh ghaire ’n a ghnùis, Le ’n abhaist doinion nan speur A thionndadh gu fèath ro chiùin. Phog e beul a nighinn ghaoil A’s labhair e gu caoin mar so: “Chuitreia, caisg d’ eagal gu luath, An ni tha ’n dàn do d’ shluagh thig ort. Chi thu Lavinium nan tùr Le dhaingnichibh ùr mar gheall: ’S Æneas mòr-inntinneach treun Togaidh tu gu neamh ’n a àm. Cha d’thàinig caochladh air mo rùn; Ach bho’n tha ’n cùram so ’g ad chnàmh,” Innsidh mi dhut-sa gu saor, ’S cha cheil mi aon ni tha ’s an dàn. Lorgaicheam gach ni bho chian, ’S mo rùintean diomhair bheir air lom, A chum gu’m foillsichear dhut féin Mar shuidhicheadh gu leir iad leam. Nuair ruigeas e ’n Eadailt fadheoidh Ni e cogadh mòr ro chruaidh, A’s ciosnaichidh e cinnich dhoirbh ’Gam pronnadh gu searbh le buaidh; Daingnichidh e lagh le còir, A’s togaidh bailtean mòr d’ a shluagh: Tri samhraidh riaglaidh e ’n a righ Air Latium tir nan tuath. Tri geamhraidh theid seachad gu dlùth Nuair chuirear na Ruthlaich fo ghéill. Ascanius an t-oigear ciùin, D’ an comh-ainm Iulus nan deagh-bheus; Ilus theirteadh ris bho thùs ’N uair sheas Ilium ur nan stuadh, Triochad bliadhna bidh ’n a righ, A’s laithean ’s miosan thig mu’n cuairt. Atharraichidh e chathair-righ Bho Laibhinn nam milidh trom, A’s balla laidir cuiridh suas Mu’n cuairt air Abba nan sonn, Tri cheud bliadhn’ iomlan, slàn, Seasadh rioghachd laidir bhuan An Abba mhoir Fhada nam feachd Fo iarmad Hectoir nam buadh Gu linn Ilia, nighean righ, Ban-sagart mhin a bheireas clann; ’Nuair bhios i trom aig Mars nan cath, Bidh dithis mhac aic’ ’s an aon am. Sgeadaicht le bian odhar faoil’ A’ mhuime chaomh a chum e beò Glacaidh Romulus an crùn, A’s togaidh daingneach ur na Roimh, Baile Mhars a’ chogaidh dhoirbh: ’S ainm fein gairmidh e de ’n t-sluagh, Romanaich nan geur lann gorm Adh’ fhàgas naimhdean marbh ’n an cruaich Cha chuir mi air an cumhachd ceann No tomhas a thaobh àm no àit: Thug mi dhoibh impireachd gun chrìch A mhaireas feadh gach linn gu bràth. Chuir Iuno dhoirbh tre ghibht an tràs Tir, muir, a’s neamh bun os ceann; Ach caochlaidh i gu rùn nas feàrr, A’s nochdaidh càirdeas doibh nach gann. Maille rium féin bheir i gràdh Do Ròmanach nam blhàr ’s nan euchd; Cinneach nan gùn sgarlaid òir, Ard-thria than mòr a’ chruinne ché. ’S e so mo rùn mar tha ’s an dàn: Oir thig na làithean mun cuairt ’S an cuirear fo chuing ’s fo smachd Le tigh Assaracuis nam buadh Phthia tir nan gaisgeach garbh, ’S Muichèine ainmeil nan laoch; A’s riaghlar leis an Argos chruaidh ’Nuair chuirear a sluagh fo dhaors’, Eiridh Ceasar mòr nam buadh De ’n fhine Thròidheadh uasal threun; Ruigidh a rioghachd an cuan, ’S a chliù theid suas chum nan reul; Iulius comh-ainm an t-saoidh, A shloinneadh bho Iulus nan euchd ’Nuair bheir e air an domhan buaidh Gabhaidh tu e suas gu neamh. (Ri leantuinn.) MAR A FHUARAS AMACH AMERICA. AN TREAS EARRANN. (Air a leantuinn bho’n 35 Airimh.) ’S a’ bhliana 1497, sheol Iain Cabot, marri mhac Sebastian, e Bristol, an Sasunn le da lhong agus tri cheud maraich, fo ughdaras Eanric a Seachd, Righ Shasuinn. B’ Eadailteach Cabot, ach bha è a’ tuineadh am Bristol. Air a’ cheathramh latha fichead de mhios a’ Chéitein, chunnaig iad eilein mòr Newfoundland. Sheol iad an sin siar; agus an uine ghoirid rhainig iad tir-mòr America mu Thuath, [TD 244] bliana mus am faca Columbus tir mòr America mu Dheas. Stiuir iad a nise gu tuath, gus an d’ rhainig iad an talamh reòta. Bha iad a’ runachadh Asia a rhuigheachd: ach on nach fhac’ iad caolas troi an seoladh iad, thill iad gu deas, agus lhean iad oirthir America mu Thuath, gus an d’ rhainig iad tir-thiorail. On a bha am biadh a’ teannadh gu deire, agus na maraichean a’ fas ceannairceach, thill iad an sin do Shasunn; agus rhainig iad Bristol toiseach an fhaoghair. An toiseach na bliana 1517, sheol Fransis Cordobha e baile mòr Habhana, an Cuba, le tri longuibh,—agus fhuair e nach mòr-roinn Iucatan. ’N uair a bha e dol air tìr, thainig coig bàtaichean de shluagh na tìre na ionnsaidh. Chuir iad sin ionghnadh air na Spainnich: oir bha iad air an cluthachadh an aodach cotain, agus bha ’n sluagh a chunnaig iad roimhe ruisgte.* Sheol iad an sin sear, gus an d’ rhainig iad Campitsi, far an deach beul ri leth-cheud diu a mharbhadh leis na h-Innseinech ’n uair a bha iad air tìr air son uisge: agus, chaidh Cordobha fhein a Iheonadh gu trom. Uime sin thill iad do Chuba, far an d’ eug Cordobha bho lhotaibh. Beagan roimhe sin, ’s a’ bhliana 1512, dh’ fhalbh Iain Ponse Leon bho eilein Phorto Rico, far an robh è ’n a fhear-riaghlaidh, le tri longaibh, air toir “tobar na h-Oige,” air an robh mor iomradh. A reir na h-aithris, bheireadh uisge an tobair sin neart agus ath-nuadhachadh oige do gach neach. Sheol e am measg innsean Bahama; ach cha d’ fhuaras am tobar. Stiuir e n’ sin sear; agus an uine ghoirid, *Chunnaig Cabot Innseinich Newfoundland, roimhe sin, air an eideachadh le bianaibh fhiadh-bheothaichean, mar a bha sluagh nan duthchan fuara gu tuath: ach cha robh eolas aig na Spainnich orrasa. chunnaig e, a reir a bheachd, eilein mòr, air an d’ thug e Florida mar anim, on a bha ’n talamh gorm agus lan dhìtheinibh earraich.* Fhuair e mach an caolas eadar Florida agus Cuba; agus sheol e am measg innsean Phortùga: ach cha d’ fhuair e sgeul air bith mu ’n tobar, cheann nach robh e idir ann. Chan ’eil ’s cha robh a lheithid de thobar air thalamh. Uime sin thill e do Phorto Rico. Thug ant Iompaire tighearnas dha air Florida; agus dh’orduich è gun aiticheadh Ponse an tìr. Uime sin thill è ’s a bhliana 1521, le da lhong, a runachadh baile a thogail. Ach shàs na h-Innseinich orra gu garg: chaidh moran de na Spainnich a mharbhadh, agus fhuair Ponse lot bàis. An earrach na bliana 1518, fhuair Iain Griochalbha, le cabhlach cheithir longan, amach oirthir Mhechico (ris an abair na Sasunnaich Mecsico,) bho Iucatan gu Tampico, agus thug e “An Spainn Nemha” mar ainm air an dùthaich. Thug a dhaoine air ais mill òir, agus cunntas mu rhioghachd mhòr bheirteach, Mhecsico. An ath-bhlian’, rhannsaich Albhares Pinedo, le tri longaibh, an oirthir, bho Rhudha Florida gu Tampico, coig’ ceud deug mile: agus fheuair e mach an amhainn mhòr Misisipi, aig am bheil cùrsa a tha corr a’s ceithir mile mhiltean agus ceithir cheud mile air fad, bho bhraighe na Misuri, a tha a sruthadh innte. ’S a bhliana 1519, chuir Diego Bhelascas, uachdaran Chuba, Ferdinand Cortes, le aon long dheug, a rhannsachadh agus a cheannsachadh Mhecsico. Bha sluagh na tìr fharsuinn sin lionar agus garg: ach cha robh iarunn no umha aca; agus bha cuid diu fo chis aig Montesuma, an *Is pairt do thir-mor Florida, ach tha i coltach ri eilein. [TD 245] righ. Dh’ eirich iad sin leis na Spainnich; agus an deigh cogadh fuilteach sgrathail, anns an do bhasaich Montesuma, ghlac Cortes baile-mor Mhecsico toiseach an fhaoghair, ’s a bhliana 1520; agus an uine ghoirid an deigh sin, gheill an tir gu leir dha. Roimhe sin, chaidh Cortes fhein a ghlacadh; agus bha na h-Innseinich a’ dol g’ a iobradh d’ an diathaibh; ach thiorc cuid de na Spainnich e. Anns a’ chogadh so fhuair iad eòlas air a chuid mhòr de Mhecsico; bho chuan gu cuan. An toiseach na bliana 1524, rhannsaich Iain Bherrasani, Eadailteach, a bha seoladh fo ughdaras Righ na Frainge, oirthir America mu Thuath, bho ’n amhainn Savanah, air crìch Charolina, gu ceann tuath Newfoundland, còrr a’s da mhile do mhiltean. B’ e a chuideachd na ciad daoine geala a chunnaig na h-Innseinich mu dheas. Bha iad dorcha mar na Mùirich, air an cluthachah le bianaibh, agus itean riomhach am falt laidir dubh, gun dual, gun chaisreig. Ghabh iad gu caoimhneil ris na coigrich; agus theasraig iad seoladair, a bha ’n cunnart bàthaidh; ach mar phàidhe air a chomain, thug na Frangaich oireap air cuid diu a thoirt air falbh le ainneart. Mar a bha e a’ seoladh gu tuath, bha ’m fearann na bu bhoidh’che; agus bha na coilltean arda, gorma a’ sgaoileadh bola cubhraidh air gach taobh. Fhuair e amach an cala farsuinn, taitneach far am bheil a nise baile mòr New York; agus dh’ fhan e ceithir-la-deug an cala mòr Newport, an Eilein na Ròid. Bha na h-Innseinich ’n an daoine mòra cuimir, agus ro chairdeil riutha; ach bha iad co aineolach ’s nach do thùr iad feum innealan iaruinn. ’N uair a thainig e faisg air Newfoundland, bha sluagh na tìre fiata coimheach; agus anns a’ mhalairt a bha eadar iad fhein ’s na Frangaich b’ e sgeanan a’s buill-acfhuinn staillinn a bha iad a rùnachadh. Bha iasgairean nan trosg, bho oitiribh Newfoundland, air a bhi’ ’n am measg, a dh’ fheuch ri cuid diu a ghoid airson thraillean. Thill Bherrasani do ’n Fhraing; agus rhainig e Diepe mu mheadhon ant shamhraidh, far an do sgriobh e cunntas mu thurus, airson Righ Fransis. Thug e “An Fhraing Nomha” mar ainm air an tir; agus mhair ant ainm sin, car iomad linn, air a phàirt ’s an do ghabh na Frangaich seilbh. An earrach na bliana 1534, chuir Fransis amach Seumas Cartier, e Port Saint Malo, le da lhong agus sia fichead maraich. An ceann fhichead latha, rhainig e Newfoundland. An deigh cuairt gu tuath, thill e gu deas, agus stiuir e siar gus an d’ rhainig e m bàgh a dh’ ainmich e bho theas na h-aimsir, “Baides Chaleurs” (Bàgh an Teas). Sheol e ’n sin gu tuath, mu’n cuairt do Ghaspè; agus fhuair è mach amhain n mhòr Chanada. Chaidh e suas an aghaidh a sruth, gus am faicear tìr air gach taobh:* ach on a bha e nise toiseach an fhaoghair, agus nach robh doigh aig Cartier air fuireach gu h-earrach, thill e do ’n Fhraing; agus rhainig e Saint Mala an ceann dheich latha fichead. Toiseach an ath shamhraidh, sheol Cartier a rithisd, le tri longaibh, agus na h-uibhir de uaislibh na Frainge, measg mor aighir. Rhainig e ’n càmus mòr taobh an iar Newfoundland air latha Naomh Labhruinn—an deicheamh latha de cheud mhios an fhaoghair, Uime sin thug e “Saint Laurent” (Naomh Labhruinn) mar ainm air a chamus; agus fhuair an amhainn a’ cheart ainm, gus an latha ’n diugh, chaidh *Tha an amhainn so corr a’s coig mile fichead air leud aig a beul. [TD 246] e air aghart taobh tuath eilein Antecoste, gus an d’ rhainig e cala, an eilein boidheach, anns an robh mòran fhionainean. Uime sin thug e “Eilein Bhacchuis” mar ainm air. So ant eilein ris an abrar a nis Eilein Orleans, fo Chuibec, a tha comharraichte airson a mheas math. Ghabh na h-Innseinich ris na Frangaich gu fialaidh; agus dh’ innis iad dhaibh gu’n robh an amhainn co fada suas ’s nach fhac iadsa riamh duine a bha aig a braighe. Uime sin dh’ àitich Cartier a lhongan ’s a chala; agus chaidh e suas am bàtaichibh, gus an d’ rhainig e baile ris an abrar Stadacona no Canada—’s e sin, ’n an cainntse “am baile.” Bho sin thug Cartier Canada mar ainm air an dùthaich,—ainm a mhair agus a sgaoil. Lhabhair Donnacona, an triath Innseineach, òraid do na Frangaich, agus chaidh bann, cairdeis a dheanamh eatarra. Thog na h-Innseinich an sin an gaoir-chatha aillteil, air dhoigh ’s gu’n do ghabh na Frangaich eagal: ach ’s e greadhnas a bh’ air an aire. Dh’ innis iad mu bhaile Hoiselaga, a bha fada shuas, faisg air an amhainn; agus chuir Cartier roimhe gu’n reachadh e suas; ach cha robh na h-Innseinich toileach, agus dh’oireapaich iad air a bhachdadh. Thug iad air tri daoine, air am sgeadachadh gu h-alluidh, tighinn thun nan longaibh (a thug Cartier suas gu Stadacova), agus sriutach a lhabairt. Dh’ fhalbh iad an sin ’s a chanù, an sgobh Innseineach, ’s an d’ thainig iad. Thubhairt na h-Innseinich gum bu teachdairean iad sin, bho ’n dia Cudruaigné, a thainig a dh’ innseadh gu’n robh moran eigh a’s sneachd shuas an duthaich, air dhoigh ’s gu’m bàsaicheadh na Frangaich na’n reachadh iad suas. Ach chaidh Cartier air aghart, air sruth mòr, riomhach na h-aimhne; agus bha muinntir na tire baileach caoimhneil ris. An ceann cheithir la-deag, rhainig e eilein agus baile Hoiselaga troi fhearann aillidh, torail, air nach robh sneachda no eigh.† Bha am baile sia mile air ais bho ’n amhainn, teann air tulaich bhoidhich, air an d’ thug e Mont Real (am monadh rioghail) mar ainm—agus bho sin thainig ainm ùr an eilein agus bailemor Mhontreal gus an latha ’n diugh. Bha ’n sealladh bho mhullach na tulaich co aillidh, le uisge ’s beanntaibh a’s coilltibh, ’s gu’n robh duil aig Cartier gum biodh ard-bhaile na duthcha an sin—mar a thachair. Dh’ innis na h-Innseinich dha mu na coig luich mhora a bha shuas; ach b’ eiginn tilleadh gu Stadacona; far an d’ fhuirich e gu h-earrach. Bha an geamhradh fada cruaidh; agus bhàsaich coig fir fhichead de na Frangaich leis an tachas-thioram, agus chaidh an adhlac ’s ant shneachda, on nach b’ urrainn cach uaighean a chlaodhach dhaibh ’s an talamh rheota.‡ Thill Cartier leis na bha lhathair; agus rhainig e Saint Malo mu mheadhon ant shamhraidh, le Donnacona agus cuid eile de na h-Innseinich ’n a chuideachd. ’S ann eadar foill a’s ainneart a chaidh iad sin marris. An aithris Chairtier tha a chiad chunntas a fhuaras ’s an Roinn Eorpa mu ’n tombaca, luibh a thainig e America air tùs. Dh’ fheuch na Frangaich ris; ach cha do thaitinn e riutha ’s an am sin. P. MAC-GRIOGAIR. †Ged tha sneaca trom an Canada ’s a’ gheamhradh, falbhaidh e gu h-ealamh, fo ghrian bhlath an earraich. ‡Bhasaicheadh tuille dhiu leis a’ ghalar so—ris an abrar ’s a’ Bheurla scurvy; ach dh’ fheuch na h’Innseinich craobh dhaibh; agus lheighis sugh na cairt ’na bha tinn diu. [TD 247] SOP AS GACH SEID. Nach bu taitneach an ni na’m biodh focal duine co diongmhalta ris an urras aige, agus nach biodh féum idir air dubh ’s air geal? Cha’n ’eil e mar mhòr-chliu do dhuine sam bith, gu’m féumar fhocal a rannsachadh a mach, a chothromachadh, agus a sgrùdadh, a dh’ fhéuchainn am bheil e fior no nach ’eil. Na’m biodh e comasach earbsadh a chur ann an geallannaibh dhaoine, agus gu’n earbadh iad ri aon a chéile, ciod am brosnachadh a bheireadh e do chùisibh an t-saoghail, agus cia còmhnard ’s a rachadh nithe air an aghaidh chum maith do na h-uile? S. Tòisicheadh bhur seirc aig a’ bhaile, ach na sguireadh e ann an sin. Deanaibh maith d’ur teaghlaichibh, d’ur dìllsibh, agus d’ur càirdibh, ach an déigh sin, seallaibh a mach air feadh an t-saoghail. Amhaircibh air an Eaglais, agus bithibh ’n’ur Criosdiudhibh. Amhaircibh air bhur dùthaich, agus bithibh rioghail. Amhaircibh air uile chinneachaibh an talmhainn, agus bithibh làn seirc agus gràidh. S. Tha mòran ann aig am bheil nàdar goirid, frionasach, neo-stéidheil. Tha iad ’s a’ bharail gu’m bheil na h-uile a’ deanamh tàire orra. Cha tachair ni ’s an teaghlach gun oilbheum a thoirt doibh, do bhrigh gu ’m bheil an aigne co neo-steidheil agus iom-luasgach. Ma chòmhlaicheas iad fear-eolais air an t-sràid le inntinn fein air nithibh eile, tha iad an dùil nach ’eil suim aige dhiubh, agus air ball gabhaidh iad gu dona e. Tha iad a’ cur coire na frionasachd aca fein air muinntir eile. Tha iongantas air daoinibh neo-chiontach, nach do rùnaich riamh oilbheum a thoirt do neach sam bith, an uair a chi iad gu’n do ghabhadh mar thàire focal air chor eigin a labhair iad le deagh rùn. Is tubaisteach, mi-shona an giulan so, gidheadh, chithear gu tric e. Faigheadh neach an cliù gu’m bheil e mar so cas, amharusach, agus frionasach, agus cuiridh muinntir gu h-ealamh cùl ris, oir “Am fear air am bi fearg a ghnàth, is cosmhuil a ghnè ris an dris.” S. MR. BOWLES AGUS NA MEIRLICH. Bha ministeir de ’n Eaglais Shasunnaich, bàrd ainmeil (W. L. Bowles) a bha cho anbarrach gealtach ’s gun gann a chaidleadh e mach as a thigh fhein le eagal mhèirleach a’s mhurtairean. Fhuair e fiadhachadh bho ’n easbuig aige, agus gle fhada an aghaidh a thoile, b’éudar dha oidhche chur seachad ’n a thigh. An uair a chaidh e suas dh’ a sheòmar, g’ a dheanamh fhein deas air son na dinnearach, dh’ fheuch e gu cùramach a h-uile doras a’s preas a’s uinneag, gu cinnte fhaotainn mu chairtealan-oidhche. Fhuair e dorus a’ fosgladh gu seòmar beag eile, agus dorus an t-seòmair sin a’ fosgladh air staidhir-chùil. Cha do chòrd so idir ris, agus ’s e bh’an an uair a thainig an nighean leis an uisge theth dha, gu’n d’fhoighneachd e co bha cadal ’s an t-seòmar bheag. “Cha’n ’eil duine,” ars ise. Rug e air laimh oirre, agus le guth air chrith le eagal, thubhairt e rithe gu ’n d’ thugadh e Punnd Sasunnach dh’ i na ’n tigeadh i chadal do ’n t-seomar bheag! Ruith an nighean air falbh ’n a deann, a dh-innse dh’ a maighistir nach b’ urrainn d’ i frithealadh air a’ bhodach mhosach mhi-mhodhail a bha shuas an staidhir. An uair a dh’ innis i mar a thachair, thuig an t-easbuig còir nach e anamiannan na feòla, ach an tur eagal a chuir an ceann a charaide a leithid de thairgse a thoirt seachad. “Cha ruig thu leas,” ars esan, “dad a dh-fhiamh a bhi ort romh ’n duine mhath, is e an t-eagal a mhàin a thug air a leithid iarraidh ort. Is ann a chuireas tu comaine ormsa ma chaidleas tu fhein ’s do bhan-chompanach anns an t-seomar bheag mar dhion da. Ma tha thu cho faoin ’s gu bheil fiamh sam bith ort roimhe, faodaidh sibh ur leaba chur ri cùl dorus an t-seomair, ’chor ’s nach urrainn dàsan tighinn a stigh oirbh.” Dh’ aontaich an nighean ri so, ’s rinn i mar a dh’ iarr a maighistir, ach gu tubaisteach dhi-chuimhnich esan innse dh’ a charaide ciamar a shuidhicheadh mu ’n t-seòmar. An uair a thainig an t-anmoch, chaidh iad le chéile suas an staidhir, agus mar a b’ àbhaist ghlais Mr. Bowles dorsan a sheomair air an taobh-stigh mu ’n deach e laidhe. Mu mheadhon-oidhche dhùisg e, agus chual e le clisgeadh cridhe fuaim cheumannan a’ tighim bho ’n staidhir-chuil do ’n t-seomar bheag. Chuimhnich e an sin nach do ghlais e dorus-cadha ’n t-seòmair bhig, ’s thug e duibh-leum as a leabaidh gu sin a dheanamh mu’n direadh na naimhdean an staidhir. Ach an uair a dh’ fheuch e ris an dorus eadar an da sheòmar fhosgladh, dh’ fhairich e cudthrom làidir ’n a aghaidh air an taobh eile, agus ’s an àm cheudna chual e cagaraich anns an t-seomar bheag. Cha robh dad de theagamh aige nis nach robh mèirlich a stigh, agus ruith e cho luath ’s a bh’ aige mach do ’n chadha ’s e ’g éigheach “Murt! Mèirlich!” An ceann tiota bha an t-easbuig ’n a aodach-oid-che, agus cha b’ fhada gus an d’ fhuaradh solus air aobhar-eagail an aoidh. Cha b’ ann gun imcheist a dheonaich e dol a laidhe rithist, agus ’s fhurasd a chreidsinn nach d’ fhuair e an t-ath chuireadh an cabhaig do thigh an easbuig!—Eadarth bho. ‘Memoirs of C. J. Young’ by Rev. J. C. Young. [TD 248] ILLE DHUINN. [Ceòl] ILLE dhuinn, chaidh tu ’m dhìth! Slan gu ’n till thu ’s gu ’n ruig thu! Ille dhuinn, chaidh tu ’m dhìth! Ille dhuinn a dh’ fhalbh á Brògaig, Bidh mi bronach gu ’n d’ tig fios ort. Ille dhuinn an leadain àluinn, ’S ann Dimairt a dh’ fhag thu mise. Dh’ fhag thu mi air cnoc am aonar; ’S leir do ’n t-saoghal mar tha mise. Ille dhuinn an leadain dualaich, ’S ann Diluain a fhuair mi fios uait. Ghabh iad thusa ’n arm Righ Deorsa; Och mo leon! cha ghabh iad mis’ ann. ’S a’ mhilisi an Duneideann, Dh’ fhalbh mo cheud ghaol fo na h-itean. Dh’ fhag thu mo shuilean gun leirsinn; Ann ad dheigh cha leir dhomh litir. Ach na ’n gealladh tu mo phosadh, Chunntainn òr dhuit mar na sligean. Mile marbhphaisg air na breugan, ’S iomadh deuchainn gus an tig iad! Thog iad orm gu ’n robh mi aosmhor, A’s ri m’ shaogh’l nach togainn sliochd dhuit. Ach na ’m paigheadh iad mo shaothair, Dh’ innsinn m’ aois dhaibh ann an tiotan. Bliadhn’ ’ar fhichead, mios, a’s ràidhe, ’N aois a tha mi, ’s gu bheil fios air. Ille dhuinn, chaidh tu ’m dhìth! Slan gu ’n till thu ’s gu ’n ruig thu! Ille dhuinn, chaidh tu ’m dhìth! [TD 249-256] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 257] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] DARA MIOS AN FHOGHAIR 1875. [45 AIR. SEAN-FHOCAIL. IX.—CHUM AN FHEILL AIR AN LATHA. Tha chuid is lionmhoire de Shean-fhocail gach Tir a’ cur an ceill firinn, no co-dhiu taobh de fhirinn, air an do chnuasaich daoine glice air thoiseach oirnn, agus ris a’ bheil sinne cleachdta r’ar n-aonta ’chur gu toileach. Anns a’ cheum so tha na Sean-fhocail Ghaidhealach cosmhuil ri Sean-fhocail dhuthchanna eile; agus, gu ruig so, thug sinn ar n-eisempleirean gu h-iomlan o’n bhuidheann so. Ach tha buidheann eile de’r Sean-fhocail a tha toirt f’ar comhair, cha ’n e beachd no firinn a tha sinn ri chreidsinn; ach aithne, comhairle, no earail a tha sinn ri choimhead. ’N ar Sean-fhocail Ghaidhealach gheibhear a’ bhuidheann so na ’s lionmhoire, a reir aireimh nan Sean-fhocal thar cheann, na gheibhear iad anns a’ chuid is mo de Shean-fhocail dhuthchanna eile. B’ iad na Druidhean, mar tha fios aig gach neach, priomh luchd-teagaisg ar Sluaigh; agus dearbhaidh moran de’r Sean-fhocail gus an la diugh gur ann an uair a bha na Druidhean cumhachdach ’s an Tir a chuireadh iadsan ri cheile. Tha fios againn a ris nach fuilingeadh na Druidhean leabhraichean no sgriobhadh ’n am measg, air eagal, na’m b’ fhior iad fein, gu’m biodh cuimhne no meodhair nam foghlumaichean òga air a lagachadh. Bha e feumail mar so gu’m biodh teagasg nan Druidhean air a thoirt seachad air doigh cho tarbhach ’s a bhiodh comasach, a los gun togadh ’s gun giulaineadh a’ mheodhair moran foghluim ann am beagan bhriathran. Dh’iunnsaich sinn leasan nan Druidhean, no co-dhiu cuid dheth, ro mhaith. Cha robh baigh ar Sluaigh ri leabhraichean no ri sgriobhadh riamh ro mhor. Theirear gun teagamh nach robh cothrom aca; ach nach beag so de ’n fhior aobhar? C’arson nach d’ rinn iad an cothrom; agus c’arson nach eil iad g’a dheanamh mar nach ’eil iad? Ann an tomhas tha sinn ’s a’ Ghaidhealtachd car fortanach seach mar tha na Goill—air an adhlacadh le leabhraichean, agus fiughair gu’n leughar iad. ’N am biodh Solamh beo ’n ar latha-ne, ciod idir a theireadh e mu leabhraichean agus mu leughadh? Is gann a gheibheadh e aite no canain a fhreagradh air ach a’ Ghaidhealtachd agus a’ Ghaidhlig. Ach ged, ma dh’fhaodte, tha cuid de leabhraichean air Galldachd ro phailt agus air an cur gu droch bhuil, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil leabhraichean anns a’ Ghaidhealtachd ro ghann, agus nach ’eil roinn de ’n bheagan tha innte gun bhi air an cur gu buil idir, maith no olc. Anns an rathad so mar ann an iomadh rathad eile lean sinn a’ chleachduin, ged thainig caochlaidhean air an t-saoghal mu’n cuairt dhuinn a dh’ fhag a’ chleachduin neo-fhreagarrach air ar son. Gheibhear sinn gu [TD 258] tric a’ caoidh nan linntean a dh’aom, agus tha mi smuaineachadh ged rachadh ar n-aiseag, a thiotadh, gu linn nan Druidhean nach cailleamaid a bheag. Gheibhteadh uapa-san moran tuigse agus beagan cainnt; tha cuid a’ smuaineachadh gu’n do chuir an Saoghal car tuathal dheth o’n àm sin. ’S e mo bheachd gur e cion leabhraichean—cia b’e air bith an t-aobhar airson na goinne so; cho suarach agus a bha sinn mu’n bheagan leabhraichean bha againn; agus ann an tomhas gne nan leabhraichean sin fein a bu choireach gur ann ’n ar Sean-fhocail, agus nach ann ’n ar Bardachd, ’n ar Sgeulachdan, no ’n ar Sgoilean, a gheibh sinn na riaghailtean a tha freagarrach airson ar beachdan a shocrachadh ’s air giulan a stiuireadh, ’n ar cuairt roimh ’n t-Saoghal. Tha iomadh leasan feumail agus cudthromach air an teagasg ’n ar Bardachd agus ’n ar Sgeulachdan, na n-iunnsaicheamaid iad; ach ’n a dheigh so uile tha mi meas, a mach bho’r Biobull agus bho’r Sean-fhocail, gu bheil ar litreachas ann an Gaidhealtachd na h-Alba easbhuidheach anns an t-solus a tha i tilgeadh air beatha an duine, agus air an diomhaireachd a tha cuairteachadh na beatha sin. Ach ’n ar Sean-fhocail gheibh sinn oidhearpan lionmhor air beachdan a chur an cainnt, a chum ar n-eolas a mheudachadh agus ar creidimh a dhaingeachadh; agus, a thuilleadh air so, moran dhleasdanais dhuinn fein agus d’ar co-chreutairean air an sparradh oirnn le comhairle agus le earail, a chum ar gluasad a leasachadh, agus cho fad ’s a tha sin comasach do ’n duine, a dheanamh foirfe. Is e mo rùn aon no dha de na h-earailean so a shoillearachadh anns an aireimh so agus anns an ath aireimh de ’n Ghaidheal. Tha teagasg an t-Sean-fhocail a ghabh mi mar steigh air a thoirt seachad ann an atharrach cainnt le Solamh, agus aobhar ’n a chois. “Ge b’e ni a gheibh do lamh ri dheanamh, dean e le d’ dhichioll; oir cha ’n ’eil obair, no innleachd, no eolas, no gliocas anns an uaigh, d’ am bheil thu a’ dol.” Cha ’n ann idir a’ cur an suaraicheas aobhar an t-Searmonaiche ghlic a tha mi, an uair a tha mi ’g a thoirt thairis do Shearmonaichean comasach ar latha fein. Eadhon as eugmhais aobhar Sholaimh, tha mi meas gu’n aontaich gach neach gu bheil an teagasg cudthromach agus airidh air gach uile umhlachd. A reir mo bheachd tha ’n dleasdanas a tha ’n Sean-fhocal a’ sparradh oirnn dà fhillte. “Cum an fheill air an latha,”—is e sin ri radh, “Ge b’e ni a gheibh do lamh ri dheanamh, co-dhiu is ann dhuit fein no do neach eile, dean e le d’dhichioll, agus dean e ’n a àm; na fag obair an là diugh a feitheamh air an là maireach.” Cha ’n fheudar aicheadh nach abrar gu tric gur iomadh Sluagh is fearr a bheir umhlachd do’n aithne so na Gaidheil na h-Alba. Cha chuirear, le firinn, leisg, an corp no ’n inntinn, á leth ar Sluaigh. Ann an coimeas ri Cinnich eile, tha ’n Gaidheal, ’n a chorp ’s ’n a inntinn, beo, eutrom, easguidh, fuasgailte. Ach cha ’n e leisg uile gu leir a tha ’n Sean-fhocal a diteadh, ni mo is e beothalachd a tha e ’g aithne. Their aon de’r Sean-fhocail fein, “Is easguidh an droch ghille air cuairt,”—a’ ciallachadh gu’m faighear an deagh ghille an comhnuidh deas gu ghnothuch. Is e dichioll, buanachas, seasmhachd a tha ’n Sean-fhocal a’ moladh dhuinn. Feudaidh sinn a bhi easbhuidheach anns na feartan so, ged nach cuirear le ceartas leisg as ar leth. Fhuair ar Sluagh gun teagamh an t-ainm a bhi mùiteach, neo-sheasmhach o chionn iomadh [TD 259] bliadhna. ’S e so cliu a tha ’n Seanachaidh Romanach a’ toirt do shaighdearan Hannibal. Agus ged nach faighear saighdearan no seoladairean is calma ’s is seasmhaiche na Gaidheil na h-Alba an uair a tha iad air an iunnsachadh, agus ged nach faighear am measg Sluagh eile eisempleirean na’s trice ’s na’s urramaiche na gheibhear ’n ar measg fein air sior-bhuanachadh an aghaidh iomadh bacadh ’us grabadh; gidheadh ’s e cliu ar Sluaigh an diugh an cliu a fhuair iad o’n Romanach dà mhile bliadhna roimhe so—gu bheil iad laidir, lughmhor, ach caochlaideach, deas gu ni a ghabhail os laimh agus fhagail gun chriochnachadh, easguidh ach neo-chinnteach. Ann an Gaidhealtachd na h-Alba, creididh mi gu’m fàsamaid neo-shuidhichte ’n ar doighean ged nach biodh a’ bhuaidh dual dhuinn mar Shluagh. Chuidicheadh gnè na Tìre, agus gu h-araid ar n-Eachdraidh, inntinn luasganach a ghintinn, no co-dhiu a neartachadh, annainn. Rè moran uine bha caithe-beatha an t-Sluaigh agus am beatha fein cho neo-chinnteach ’s gu’m biodh e eu-comasach gu’m faigheadh riantan steigheil aite ’n am measg. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil agus nach bi sinne iomadh latha fathasd ag itheadh de shearbhadas nan linntean buaireasach a chaidh, taing do’n Fhreasdal, thairis. Agus ged tha sinn a nis o chionn iomadh bliadhna a’ mealtainn sith, agus nam miltean beannachd a thig an lorg na sochair ro-luachmhoir sin, tha agus bithidh iomadh ni ’n ar crannchur anns a’ Ghaidhealtachd a dh’fhagas e fior dhuilich dhuinn leasan an t-Sean-fhocail iunnsachadh, agus an comhnuidh a chuimhneachadh. “Cum an fheill air an latha”;—is farasda radh, agus ann an iomadh aite cha ’n ’eil e ro dhoirbh a dheanamh. Ach ann an Tìr neo-thorach, le siantan caochlaideach, le monaidhean sgith, le aisig chunnartach, leis gach goireas a dhith ort, is beag nach fanoid an earail. An ann á fearann a tha d’ earbsa? Mo chreach! is beag do choir air. Agus ged shaoithrich thu cho goirt ’us ged a bhiodh cinnt agad nach rachadh do mhàl ardachadh no do thigh a chur ma sgaoil aig ceann na bliadhna, nach tric a ni latha fliuch ’s an fhoghar obair na bliadhna chur a dholuidh. A’ bheil beo-shlainte do theaghlaich an crochadh ris a’ mhuir? Cha ’n ’eil sgoil fo’n ghrein cho eifeachdach, ann an rathad, a dh’ iunnsachadh foighidinn, dichill, saothair bhunailteach cho maith ri bàta an iasgair. Faic e le ramh no le seol a’ toirt a mach, calaidh no a’ cur fodha rudha; a nis a’ buidhinn ’s a rìs a’ call; a bheatha an crochadh r’a neart ’s r’a sheoltachd; agus gheibh thu leasan air stri bhuan agus dhian nach faigh thu ach ainmig. Ach an uair a tha ’n rudha seachad, ’s an caladh fo shroin, theid an leasan a dhi-chuimhneachadh gus an toir fein-fhiosrachadh cruaidh a chrannchuir fa chomhair an iasgair ’s an ath ghàbhadh e. ’S e neo-sheasmhachd na gaoith, an t-sruth, ’s na fairge, agus neo-chinnteachd a’ bheatha fein an co-cheangal riu a ghleidheas aite an inntinn an iasgair, agus a ni “Cum an fheill air an latha” ’n a eubh fhaoin ’n a chluais-san. Tha e na’s feumaile air doigh no dha dhuinne a bhi gleidheadh teagasg an t-Sean-fhocail air chuimhne na tha e do mhoran. Chaidh, ma dh’ fhaodte, a chur mar coinneamh air aon doigh no doigh eile gle thrath. So a’ chumadh air an d’ fhuair mi fein e: Procrastination is the thief of time. Air a’ chumadh so, leugh ’us sgriobh ’us litrich ’us bhruadair mi e na ficheadan uair. Co-dhiu a lughdaich an t-saothair mairneal no [TD 260] mheudaich i dichioll ann am chrè, cha’n fhios domh; ach bhiodh e ’n a pheacadh an aghaidh gach riaghailt theagaisg an leasan a thoirt domh air dhoigh ’s gun tuiginn e. ’N ar Sean-fhocail Ghaidhealach gheibhear an teagasg ceudna gu minic agus ann an caochladh cainnt ’us samhladh. Tha so ’n a dhearbhadh soilleir gu’n robh meas cubhaidh aig ar n-Aithrichean air an fhirinn, co-dhiu bha no nach robh iad an comhnuidh dileas d’i. Ach bhiodh e mealltach a bhi saoilsinn gu’n robh na seann daoine, eadhon ’n an teagasg, a ghnath iomlan. Bha iad a’ cur luach ard agus cubhaidh air sonas, ach cha ’n ’eil mi cho earbsach gu’n d’ amais iad daonnan air mathair-aobhair an t-sonais d’an robh an tlachd cho mor. Theireadh iad: “Is fearr a bhi sona na bhi saoithreachail;” “Is fearr a bhi sona na bhi crionna;”—ach saoilidh mi gu’n do dhi-chuimhnich iad nach faighear, ’s an t-saoghal so co-dhiu, an sonas is airde a bheir e seachad sgarte’ bho shaothair; agus nach mair sonas ard no iosal ro fhada sgarte’ bho chrionntachd. Cha ’n ’eil teagamh nach robh meas mor aca air fois ’s air socair, agus nach d’ thug iad seachad teagasg mearachdach an co-cheangal ris na staidean so a tha ’n an aite fein ionmholta. Cia b’e air bith an rùn leis an do chuireadh ri cheile iad, cha ’n ’eil teagasg nan Sean-fhocal a leanas air aon chor fallain: “Cha d’ith na coin an aimsir”; “Am fear a dh’ imich an cruinne, cha b’ fhios d’a co-dhiu b’ fhearr luathas no moille” (saoilidh mi nach ’eil fios fathasd ciod a thug dha a thigh fhagail); “Is maith an saoghal so ma mhaireas e;” “Tha iasg ’s a mhuir cho maith ’s a thainig riamh as;” “An neach nach cinn ’n a chodal, cha chinn e ’n a fhaireach;” “Treabhaidh na daoi ’s cha dean na saoi ach treabhadh.” Cha ’n ’eil teagamh nach ann o’n bhaigh so ri fois a dh’eirich an Sean-fhocal, “Is fearr a bhi tamh na obair an nasguidh;” oir cha robh meas air leisg,—“Am fear a bhitheas ’n a thamh, cuiridh e ’n cat ’s an teine;” “Is leisg le leisgein dol a luidhe, is seachd leisge leis eirigh.” ’S e na taillearan a thug seachad an Sean-fhocal leibideach so, agus airson teagasg cronail ’s gann a dh’ amais a leithid orm; “Greim fada, ’us grad bhi ullamh.” Tha teagasg nan Sean-fhocal so mearachdach; agus cha ’n ’eil teagamh nach robh agus nach ’eil a’ chumhachd air fhaireachduin a chum na cuid is measa ’n ar measg. Ach ged tha na Sean-fhocail a tha air an taobh chlì na’s lionmhoire na bu mhaith leinn; cha ’n ’eil an aireamh ach gann ann an coimeas ris na gheibhear a’ moladh aghartais dichill, ’us seasmhachd. Bha ar n-Aithrichean lan dearbhta nach faighear maith gun dragh. Tha focal gu maith deas aig na h-iasgairean a tha teagasg na firinn so: “Cha ’n ’e gogadh nan ceann a ni ’n t-iomram.” So aon bho na sealgairean: “Cha d’rinn theab riamh sealg.” Agus cha robh na buachaillean air deireadh: “Cha dean corag mhilis ìm.” Cha ’n ’eil teagamh nach e ceannaiche a dh’ eisd iomadh uair ri leth-sgeul air a deagh labhairt a thuirt; “Cha diol toileach fiach.” De ’n aon teagasg tha ’n radh: “Cha d’ rinn thugam ceum, ’s cha do chailleadh theab.” Agus cha b’ urrainnear rabhadh a bu chumhachdaiche na so a thoirt seachad an aghaidh leisg, mairneil, ’us cion suim: “Cha ’n fhaighear an diugh air ais an dè.” Airson ceartais ’us coir a ghleidheadh eadar duine agus duine—fiachan a dhioladh agus geallaidhean a cho-ghealladh, cha ghabhadh a bhi na [TD 261] b’ fhearr na na Sean-fhocail Theirte gun teagamh: “Cha teid gad air gealladh,” agus cha ’n ’eil teagamh nach robh iomadh aon ’s a’ Ghaidhealtachd cho maith ri aitean eile a dh’ fhairich firinn an radh; ach cha ’n e so air aon chor teagasg nan Sean-fhocal. “Cha ’n ’eil fealladh ann is mo na gealladh gun a cho-ghealladh;” “Is fearr a bhi leisg gu ceannach na righinn gu paigheadh;” “Is fiach duine na gheallas e;” agus a rìs “foill,” cia b’e air bith mar thig i, air a diteadh air dhoigh ’s gun saoil thu gur e Daibhidh tha labhairt: “Cha mhair sliochd fir foille.” Co-dhiu bha no nach robh ar luchd-duthcha comharraichte air son am firinn—their ar coimhearsnaich gu tric nach robh—cha robh an teagasg ’s an rathad so an deigh-laimh. Tha ’n dearbhadh soilleir anns na briathran anns a’ bheil gloine, onoir, firinn, ’us breugan a ghnath air an ainmeachadh. Firinn an smuain, an cainnt, ’s an gniomh; ’s e so gun teagamh teagasg nan Sean-fhocal, ’g a sparradh ort an comhnuidh mar do dhleasdanas agus mar do bhuannachd. Am measg nan Sean-fhocal a tha moladh aghartais us gniomhachais, chithear gu bheil meas mor air moch-eirigh. Their Lighichean gu bheil a’ chleachduin maith airson slainte a’ chuirp a chumail suas; agus their Sgoilearan gur e mhaduinn is fear na ’n oidhche airson iunnsachaidh. Cha mhor dhaoine is cuimhne leam a bhuidhinn cliu ard dhoibh fein nach do chleachd eirigh trath; agus chi sinn gu’n robh beachd cothromach aig na seana Ghaidheil air a’ chleachduin cheudna. Thuirt aon diubh, gun teagamh, a bha ’creidsinn gu laidir ann am fortan tur sgarte bho dheanadas fein: “Is fear an t-àdh na moch-eirigh.” Ach cha ’n e so ach teagasg aoin. Theireadh na Druidhean, “Bi gu subhach, geamnuidh, moch-thrathach, mosgaileach ’s an t-samhradh.” A rìs, theirear: “Is meamnach gach moch-thrathach;” “’S i mhoch-eirigh ’luain a ni ’n t-suain ’mhairt;” agus a rìs, mar gu’m b’e Lighiche theireadh e, agus ciod am fios nach e; “Is fearr eirigh moch na suidhe anmoch.” Tha aon ni a tha ro chomharraichte mu na Sean-fhocail Ghaidhealach a tha buntainn ris an earail a tha f’ar comhair an traths; agus ’s e sin a’ meas tha air a chur air saothair chinnteach, sheasmhach, os cionn neart an uair nach ’eil dichioll maille ris. Chunnaic sinn roimhe an luach a bha ar n-Aithrichean a’ cur air cruinnealas, ged bha iad comharraichte air son am fialaidheachd. Air a cheart doigh ’n an obair. Tha firinn ’us onoir eadar duine ’s duine air a mholadh. Tha moch-eirigh air a mholadh. Tha bhi ’n a àm an ceann do ghnothuich air a mholadh—“Am fear a ni obair ’n a àm, bithidh e ’n a leth thamh.” Tha ’m fear a thoisicheas obair air a neartachadh leis an radh—“Is trian obair toiseachadh.” Agus tha saothair chriochnaichte gun teagamh a faotainn na duais a thoill i; “Am fear a cheanglas, ’s e shiubhlas;” “Am fear is fearr a chuireas, ’s e is fearr a ghearras;” “An rud a nithear gu maith chithear a bhuil.” Ach os cionn moch-eirigh, os cionn toiseachadh, ’s os cionn criochnachadh, tha obair chinnteach, leanailteach air a moladh, mar a dhearbhas na Sean-fhocail a leanas gu soilleir: “Cha ’n e ’muileann nach bleth, ach an t-uisge nach ruith;” “Ge b’e nach beathaich a choin, cha bhi iad aige latha na seilge;” “Is ann o’n bheagan a thig am moran;” “Cha ’n ann leis a’ cheud bhuille thuiteas a’ chraobh;” “Gabhaidh connadh ùr le bhi ’g a sheideadh;” “Am fear a theid a’ ghnath mach le lìn, gheibh [TD 262] e eoin air uairean;” “Cha bhi dichioll air deireadh;” “Beiridh am beag tric air a mhor ainmig;” “Is fearr greim caillich na tarruing laoich.” Is teagasg fallain, ionmholta air gach doigh an teagasg so; agus cha ’n urrainn dhuinn a bhi ro thaingeil d’ ar n-Aithrichean air a shon. B’ fhearr leam gu’m faicteadh na tri Sean-fhocail mu dheireadh a dh’ ainmich mi, ann an litrichean òir, air balla gach tigh-sgoil anns a’ Ghaidhealtachd. Cha ’n ’eil mi gun amhurus nach paigheadh an leasan na ’m biodh e air a dheagh iunnsachadh, eadhon do’n Mhaighstir-sgoil latha cheasnachaidh, cho maith ri leughadh blasda nach tuig a’ chlann; agus tha mi dearbhta nach faigh a’ chlann leasan a bhitheas cho feumail dhoibh fein, d’an cloinn, ’s do chlann an cloinne bho Mhaighstir-sgoil fo’n ghrein. Is eigin aideachadh gu’n d’ fhuair mi barrachd toilinntinn o’n teagasg so, a chionn nach robh suil agam ris. ’S e barail mhorain nach d’thug ar Sluagh moran geill do chomhairlean de’n t-seorsa so; agus feudaidh cuid bhi mar bha mise a’ creidsinn nach d’ thugadh na comhairlean ro thric riamh orra. Cha ’n ann mar dhuine dichiollach, aghartach, a’ cur earbsa a obair chinnteach a lamhan fein, daonnan am bun a ghnothuich a bhreithnicheas coigrich air Gaidheal an latha diugh;—cha ’n ann,—ach ri sgiathalaich air ais agus air aghaidh, an diugh ag oibreachadh na croit, a maireach ag iasgach, ’s air an ath sheachduin a’ drobhaireachd—latha no leth latha diomhanach eadar gach atharrachadh obair, ’n a sheasamh le aon no dha de chompanaich, le lamhan gu maith domhain ’n a phocaichean, ’s le cutag phiob ’n a phluic, a’ cumail a suas le shlinnein oisinn tighe, ’s a tighinn air a choimhearsnaich. Co beachd a tha fior, bhiodh e duilich, ma dh’ fhaodte, cunnartach, a radh. Creididh mi gur e chuis gu bheil iad araon fior ann an tomhas; co-dhiu cha ’n ’eil an Gaidheal fathasd cho dichiollach ’s gu’m feud e leasan an t-Sean-fhocail a dhi-chuimhneachadh. Cluinnidh sinn gu tric feartan ’us cliu ar Sluaigh air an dearbhadh le eisempleirean air bunailteachd ’s air soirbheachadh o’n tigh, agus coire gach ni tha air deireadh aig an tigh ’g a chur air an àite,—air ni sam bith ach na daoine. Cha ’n ’eil mi smuaineachadh gu bheil am beachd so uile gu leir fior, agus ’s e mo bharail gun deachaidh na tha de fhirinn ann a sheirm tric gu leoir. Tha sinn ro dheas gus a’ choire a chur dhinn fein, ma ghabhas e idir deanamh. Saoilidh mi, thuilleadh air so, gu bheil sinn ’s a’ Ghaidhealtachd a’ cur barrachd de’n choire air droch cothrom na tha freagarrach. Is tric a chuala mi na ’n saoithreachadh an Gaidheal aig an tigh cho dichiollach ’s cho dian ’s a shaoithricheas e o’n bhaile gu’m biodh e na b’ fhearr dheth. Ach tha e cosmhuil gu’m feum crioch na saothair a bhi ’n sealladh ar Sluaigh mu’n oibrich iad le ’n uile dhurachd. Agus cha mhiste iad Gall no Sasunnach a bhi r’ an taobh a bhitheas a’ bagairt dol rompa. Shoirbhich gu mor le’r luchd-duthcha an America, agus dh’eirich cuid diu gu inbhe ard; ach theirear gu bheil an soirbheachadh na ’s fearr far a’ bheil Goill ’us Gaidheil measgta, na tha e far an Gaidheil iad uile gu leir. Ma tha so fior, nach ’eil pairt de’n t-seann nadur a’ leantainn ar Sluaigh thar a’ chuain; agus nach ’eil dearbhadh laidir againn gur sinn fein na coirich air son moran de’n mhi-shoirbheachadh air a’ bheil sinn cho tric ’n ar fianuisean aig baile. Tha e fior nach faod sinn, ’s an rioghachd so no ’n rioghachd eile, gun chunnart, earail an t-Sean-fhocail a dhearmad. D. M‘K. [TD 263] CUMHA Air Eobhan Mac Lachluinn, am filidh Abrach, Fear-riaghlaidh sgoil nan Cànan ann am baile seann Abareadhain; a dh’éug ann an tréine a làithean, agus an àirde, a bhiùthais ’s a’ bhliadhna 1822. Leis an Urramach an t-Olla Mac-an-t-Saoir, nach maireann, Aodhaire Chill-Math-Niobhaig. ’S mi siubhal fo dhubhar a’ Mhìll Tha ’sgàileadh na Cill* so shuas, Tha m’ aigne trom osnachail tìom, ’S mo shòlas cha till ri luaths. Tha Mulad, tha mulad, ’g am chràdh, Bho’n chaireadh tu ’n tàmh nan leac, A chaoimhich ’bu dealasaich gràdh, Mhic Lachluinn nan Dàn lan beachd! Mo chreach! ged a b’ òrdhearc do ghnàs, Ge b’ iomadach d’ aireamh bhuadh, Gu’m b’ éudar dhut strìochdadh do ’n bhàs, ’Us laidhe ’n caol-thàmh na h-uaigh. Mo leòn gu ’n do strìochd thu cho tràth! Mo bhròn gu ’n do thàmh cho luath! Dh’ fhàg so sinn fo airteal ’s fo phràmh ’S fo smalan ’s an Airde tuath. Gu’n d’ thug thu lom-sgrìob oirnn, a Bhàis, A dh’ fhag sinn gu cràiteach, bochd, A n-ùr-choill, an àilleachd a fàis, A rùsgadh bho bhàrr gu stoc! Gu ’n d’ fhàg thu Lochabar fo bhròn Cha leighis ar leòn ri luaths; Gur géur so a chneidh a laidh òirnn Bho’n mheath thu ar Dòchas bhuainn! Gu ’n spùinn thu bhuainn tuigsear nan téud, A rianadh an t-séis le dòigh; Ard-iùlair na fileachd ’s gach séud Bha ’n ealaidh na Gréig ’s na Ròimh. Fear-eòlais gach cainnte measg sluaigh; Sàr thuigsear gach buaidh fo’n ghréin; Sàr ghliocair gach rùnachd tha shuas Feadh chian-imeachd cuairt nan spéur. An t-Abrach, Mac Lachluinn nan Dàn, An Gaidheal is àirde cliù: A bha de gach nàisinneachd làn ’S a dh’ fhòghlum gach gnàs a b’ fhiù. Bu mhilis do chòmhradh ’s do cheòl, ’S gu ’m b’ fhileanta glòir do bhéil; Có nis chuireas ranntachd air seòl, Mo nuar! bho’n nach beò thu féin? Tha filidh nan aimsir gun lùth, Air breothadh ’s an ùir bho chian; Cha dearrs gath na gréin’ air a shùil, ’S tha spiorad a chùil gun mhiann. *Cille Mhaodain. Thig Earrach, thig Samhradh mu’n cuairt, ’S thig Foghar nan sguab ’n an déigh, Thig Geamhradh, le ’ghailbhinnean fuar,— Ach có ’rannas duan g’ an seinn? Ach, nochdaidh an t-Earrach, ’n a thrà, Gu’m beil e am bàigh do’n t-seòd, Oir sgaoilidh e ’ghorm-fhalluin àidg Gu driùchdach, trom, tlàth, air ’fhoid. ’S an Samhradh, le dhìtheanan snuagh, Ni cionthar mu bhruaich do theach; ’S ’n a dhéigh, thig am Foghar, fo ghruaim A sgeadachadh d’ uaigh’ le dreach. ’S ge colgach, neo-bhàigheil, dubh-ghruaim A Gheamhraidh neo-thruacant’, ghnùth, Gu ’n siubhail e ’g osnaich mu d’ thuam, A’ sileadh nam fuar-fhras dlùth. Tha mulad, tha mulad ’g am chràdh, Bho’n chàireadh tu ’n tàmh nan leac, A chaoimhich ’bu dealasaich gràdh, Mhic Lachluinn nan Dàn lan beachd. COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEADH CIOBAIR. M.—Am bheil thu an sin, Isiobail, c’àit am bheil do mhàthair? Tha dùil agam gu’m bheil sibh gu léir bodhar. Tha neach eigin a’ bualadh aig an dorus,—grad-fhosglaibh e, oir cha’n ’eil mo bhrògan ormsa. Thugadh an dealan bhàrr an dorais, agus ann am priobadh na sùla, sheas duine mòr, sgairteal am meadhon an ùrlair, ach cha’n fhacas air ball cò b’e, do bhrigh nach do lasadh an lòchran. Ach ann am mionaid, chualas guth aithnichte ag ràdh,— C.—Am bheil sibh uile slàn, fallain, ’s an fhàrdaich so? M.—Fear a’ Ghoirtein-Fhraoich! Am bheil mo shùilean ’g am mhealladh,—am bheil iad ag innseadh na fìrinn? An tu a th’ ann d’a rìreadh, a charaid mo ghràidh? Fair do làmh,—fair do dhà làimh, an creid thu mi an uair a deiream gu’m bheil mi na ’s toilichte d’ fhaicinn an sin na fichead Frangach? Ochan! is tu a tha bog, fliuch, sgìth, acrach, ach tha leigheas ann air na nithibh sin. Thig a nuas, a bhean-an-tighe, agus [TD 264] faic ciod a tha ad chomas a dheanamh ri d’ charaid, oir tha féum mòr aige air deagh ghiullachd aig a’ cheart uair so; oir is taitneach an sean-fhocal a deir, “ruigidh ro ghiullachd air an ro ghalar,” agus is maith gu’n ruig. Ach O! mo dhi-chuimhne! ciamar a dh’fhàg thu mo bhan-ghoistidh rùnach, Seònaid? C.—Cha’n fhaca mi o cheann dheich là i, ach an uair a dh’ fhalbh mi o’n tigh, bha i fein agus an òigridh gu gléusta. M.—O cheann dheich là! Mo chreach, ciod a dh’ éirich dhuit, agus c’àit an robh thu, a Choinnich? Ach is luaithe deoch na sgéul,—a bhean-an-tighe, am bheil thu a’ foighneachd am bheil béul air do charaid ionmhuinn Thoir a nuas am botal dubh ’s an t-slige chreachainn, agus cuir car ealamh dhiot. C.—Cha’n ’eil aobhar sam bith air a bhi mar sin a’ cur an tighe bun os ceann, bithidh mi tràth na ’s leòir, oir cha’n eil aon chuid fuachd no acras orm, gu dearbh cha’n ’eil. M.—So, so, dlùthaich ris a’ ghealbhonn, oir is minic a chunnaic sinn ni’s brisge, sgairteil e. Thig an so leis a’ bhalg-shéid, Isiobail,—suidh a stigh, a’ Choinnich, gus am faigh bean-an-tighe atharrachadh eudaich, agus cas-bheart dhuit, agus gach goireas eile a chumas am fuachd a mach. C.—Cha ruig bean-an-tighe leas trioblaid a chur oirre fein, oir tha mi o bhàrr gu bonn co tioram ri àrcan ach mo chasan a mhàin, agus cha’n eagal doibh car tacain,—ach ciod an ùrachd a gheibhear agad, a Mhurachaidh, agus cia mar tha cùisean a’ dol air an aghaidh anns na cearnaibh so? M.—Ma ta, a Choinnich, (dlùthaich ris an teine) cha’n ’eil naigheachdan idir ’s na criochaibh so, ach gu’m bheil Fear Bhaile-Chreagain ’n a sgealbaibh, mar a chual thu, a réir coltais a cheana, agus bheir e creach agus sgrios air mòran eile. Bhris e ann an dà mhile dhéug, agus tha e air aithris gur e leth-chrùn as a’ phunnd Shasunnach tha e a’ tairgseadh. C.—Tha mi an dòchas, a Mhurachaidh, nach ’eil gnothuch agad ris, agus nach tig e chum calldach sam bith dhuitsa, no do d’ theaghlach. M.—Tha aobhar taingeileachd agam nach ’eil aon sgillim ruadh agam air, no aigesan orm. Na’n tachradh so aig an àm so an uiridh, bhiodh mo chall mòr, oir tha cuimhn’ agad gu’n do reic mi na muilt ris, còrr is tri chéud dhiubh, ach gu fortanach, dh’ ioc e gach peighinn d’an luach dhomh, agus ’s an àm, cha robh mi ’g a iarraidh, agus cha robh dùil agam ris. C.—Tha mi anabarrach toilichte dà rireadh, ach cha b’ urrainn gnothuichean Fhir-Bhaile-Chreagain idir seasamh a thaobh na doigh air an robh e’ dol air aghaidh. Cha robh là nach robh cuideachd agus gleadhraich maille ris,—eich agus carabaid,—agus coigrich a’ dol agus a’ tighinn,—an tigh aige an còmhnuidh làn,—an teaghlach aige gach là, gu sgiamhach air an éideadh,—agus cosguis do ghnàth an lorg ’n an nithe sin, nach b’ urrainn Baile-Chreagain a chumail suas, ged a bhiodh e tri uairean saor aige, gu’n ghuth air màl tròm gach bliadhna. M.—Tha thu ceart, a Choinnich, agus ’s ann an diugh tha taing Bhaile-Chreagain aige ’n a dhòrn, agus faiceadh e ciod a ni a chòisridh a bha ’g a thaoghal air a shon a nis, an uair a tha a cheann fo’n uisge. Ni iad gàire fanoid ris, agus their iad nach robh ann ach amadan bochd air son a shaoithreach, agus an diugh cha’n aithnich iad an duine truagh air an rathad mhòr. C.—Is cianail r’a smuaineachadh, a Mhurachaidh, mar a ta an saoghal [TD 265] a’ dol bun os ceann. Is tearc duine r’a fhaotuinn an diugh anns am feudar dòchas a chur. Ri linn nan seanar againn, bha dilseachd, onoir, agus treibhdhireas, gu coitchionn am measg an t-sluaigh, agus ged a bha iad aineolach ann an seadh, agus ged bha tuasaidean, cogaidhnean, agus còmhstrith am measg nam fineachan, gidheadh bha ionracas, tairiseachd, agus onoir ’n am measg nach fhaicear an diugh dh’ aindeoin gach eòlais a ta ’g a chraobh-sgaoileadh, agus gach strìth a ta ’g a deanamh am measg eaglaisean, mhinisteirean, agus luchd-teagaisg dheth gach gnè. Mar is mò a ta eòlas air a chraobh-sgaoileadh tha, gu’n teagamh, neo-dhilseachd a’ dol am farsuingeachd. Cha robh feum o shean air onoir is ionracas a bhi air an co-dhaingneachadh air dubh ’s air geal, mar a ta ’chùis an diugh, oir bha iad, an uair sin, air an sgriobhadh air a’ chridhe, ach a nis cha ghléidh cuibhrichean agus cùmhnantan an luchd-lagha muinntir air an t-slighe cheart, oir a dh’ aindeoin nan nithe sin, leumaidh a’ bheist as mò air muin na béist a’s lugha, agus tha gach ni ceart agus cogaiseach na’s leòir, ma theid aige air a chasan a thoirt as. Ochan! a charaid, “is cliùitiche an onoir na’n t-òr,” ach an diugh is measaile gu mòr an t-òr no no gach subhailc, ceartas, tréibhdhireas, agus onoir ’s an t-saoghal air fad. M.—Is maith a thubhairt thu, a Choinnich, oir is minic a chuala sinn an sean-fhocal a deir, “Nach fhuiling an onoir clùd,” agus is ro cheart e, oir far am bheil fìor onoir, cha’n iarr i bhi air a cluthachadh, agus air a còmhdachadh le sgàilibh suarach o’n taobh a mach, oir seasaidh i gu daingean ’n a h-òirdheirceas fein. Ach an déigh a’ chòmhraidh so a dhùisgeadh le fàilneachadh tàmailteach Fhir Bhaile-chreagain, innis domh, a Choinnich, d’ ùrsgeul fein, agus ciod a’s aobhar do’n toilinntinn a thug thu dhuinn an nochd le d’ làthaireachd an so, oir tha e cìnnteach nach d’ ràinig thu sinn air anmoch Disathurna, an déigh a bhi deich làithean o d’ dhachaidh fein, gu’n aobhar ro àraidh a bhi air a shon. C.—Tha sin gle chinnteach, a charaid ionmhuinn, ach tha mo sgéul goirid, oir tha mi air an t-slighe dhachaidh á baile mòr Dhunédin, agus cha bheag an naigheachd sin. M.—Baile Dhunédin! far nach robh thu riamh roimhe, agus dh’ ionnsuidh nach deachaidh tu gun aobhar ro chudthromach. Ciod a thug an car sin thu, a Chionnich? An robh thu an lorg Shir Séumas, mar a bha thu an uair a thug e fein agus thu fein Eirinn oirbh a’ bhliadhna roimhe, agus an uair a chunnaic thu iomadh neach agus ni a chuir iongantas nach bu bheag ort? C.—Ma ta, a Mhurachaidh, cha robh Sir Seumas maille rium, ach is esan bu choireach air mise a bhi ann. An cual thu idir gu’m bheil e fein agus an Sasunnach sin a cheannaich oighreachd Choire-na-coille aig lagh mu chriochaibh nan oighreachd aca? Tha guiseid bheag de fhearainn creagach ’n a laidhe eadar Creag-Ghorrain agus Stachd-na-Iularach nach fhiach sgillinn-Shasunnach mhàil ’s a’ bhliadhna eadar dithis bhràthair, agus tha Sir Seumas a’ deanamh mach gur leis-san e, agus tha uachdaran Choire-na-coille ceart co dian a’ deanamh mach gu’m buin e dhàsan. Mar sin, chuir na fir a mach air a chéile, agus o chùirt gu cùirt air beulaobh an t-siorraim, thogadh a’ chùis ma dheireadh gu Dunedin. Shumanadh cha’n e mhàin mise; ach mar an ceudna sia duine deug eile dh’ ionnsuidh a’ bhaile mhòir sin a thogail [TD 266] fianuis mu’n chùis, agus tha’n gnothuch fathast co sgaoilte ’s a bha e riamh. Cha d’ thugadh breith no binn a mach gus an ruigeadh luchd-tomhais á Dunédin dh’ ionnsuidh an àite chum na criochan fhaicinn, agus am barail fein a thoirt orra. Cosdaidh an crioman suarach sin na miltean air gach taobh. Is taitneach an gnothuch e air son an luchd-lagha, agus ma theid acasan air, cha leig iad gu h-ealamh as an liontaibh e. Ach ’s e sin a dh’ iocas na h-uachdarain àrdanach sin air son an uaill agus am morachd-inntinn. Eadar sinn fein, tha eagal orm gu’n creach e Sir Séumas bochd, ach air son an t-Sasunnaich, tha mi comadh co dhiù, do bhrigh gur e a thòisich air a ghnothuch. M.—Chual mi gu’n robh aimhreit eatorra, ach cha robh dùil agam gu’n ruigeadh e an aìrde sin. Ach cò a thugadh maille riut do’n bhàile mhòr?” C.—Cò, ach na daoine a’s sine ’s an àite,—cuid dhiubh thairis air ceithir fichead, mar a ta seann Domhnull Mac Uilleim Mhic Alasdair, Murachadh Mòr Mac Ghilleaspuig Mhic Shéumais, Alasdair Mac Aonghais Mhic Dhòmhnuill Mhic Mhurachaidh, agus na h-uiread eile. Thugadh air cùirn iad gus an d’ ràinig iad Loch-nan-ealadh, agus an sin, fhuair iad air toitich gu Glascho, agus á sin, air an rathad-iaruinn do Dhùnedin; agus Ochan! b’e ’n t-each-iaruinn an t-ioghnadh do na bodaich bhochda. Cha bhiodh iad sgìth ag amharc air, agus ag éisdeachd ris a’ sitrich agus a’ seideadh! Thàinig mise dhachaidh rathad Pheairt, Dhùnchaillin, agus Bhaile-chloichridh, agus á sin air an rathad-iaruinn Ghaidhealach gu Inbherneis, agus à sin gu so. Dh’ fhan mi tri làithean ann an Laganráit, agus air an t-Sàbaid a dh’ fhalbh chual mi searmoin ro dhrùighteach, bhlasda o’n Urramach Seumas Friseil ’s an eaglais-sgireachd, far an deachaidh mi maille ri nighean bràthair m’ athar air an robh mi ag amharc, air di a bhi pòsda ’s an àite sin. M.—’S eadh, ceamar a chòrd Dunedin riut, a Choinnich, agus ciod a chunnaic thu ann? C.—Am baile a’s maisiche air an do thilg mi sùil riamh; ach mo leòn, bha mi là an déigh là air mo dhruideadh suas ann an Tigh-na-cùirte, agus cha’n fhac mi idir uiread dhe’n bhaile ’s bu mhaith leam. M.—An deachaidh do cheasnachadh gu cruaidh, a Choinnich, agus ciamar a chaidh agad air a’ Bheurla? C.—A Bheurla! Beurla na dunaich, dh’ fhéuch iad ris gach innleachd chum mo cheasnachadh ’s a chanain leibidich sin, ach thug mi an aire orra. Thachair gu’n cual iad mi a’ labhairt lide air chor-eigin di, agus ghlaodh bodach mòr, dearg a bha ’n a shuidh gu h-àrd rium, agus thubhairt e “Come on, now, Kenneth, come on, you have very good English,” agus ghrad-fhreagair mise, agus thubhairt mi “No, no, not a vord English, my lord.”—agus air ball rinn a’ chuirt uile glag mòr gàire rium; ach comadh co dhiubh, cha striochdainn-sa, no mac màthar as an àite gu bhi air ar ceasnachadh ’s a Bheurla; uime sin, ghairmeadh a stigh duin’-uasal cosmhuil ri mìnistear a bha ’g eadar-theangachadh gach freagraidh a bheireamaid seachad, agus rinn e ghnothuch fein glé fhirinneach gu’n teagamh. M.—Direach glan, a Choinnich, ach ciamar bha fios agadsa co dhiùbh a dh’ eadar-theangaich e gu ceart no gu dochaireach, agus gun lide Beurla na’m b’ fhior thu fein, ’n ad cheann? C.—Duin do bheul, a Mhurachaidh, ciod ged a dheanainn mabalaich a labhairt ’s a’ Bhéurla riutsa, an saoil thu gu’m biodh a dhànadas [TD 267] agam mo ghab fhosgladh an sud? Ochan! cha deanainn idir e. M.—Ciod, ma ta, a chunnaic thu a’ dol air aghaidh mu’n cuairt duit ’s a’ chùirt, oir bha gach ni eu-cosmhuil ri cùirt an t-siorraim aig a’ bhaile? C.—Eu-cosmhuil; Bu mhior bhuileach an sealladh na breitheam hna fein! Bha triùir bhodach ’n an suidhe gu h-àrd an sud, le cleocaibh dearga, le guailleachain gheala, agus le gruagan caiseanach, glasa air an cinn, ceart co greannach ris na cearcaibh Frangach. Bha iad sin a’ gabhail a’ ghothuich gle-shocaireach. Ach gu h-iosal air am beulaobh bha fir ealanta le cleòcaibh dubha, agus le gruagaibh dhe’n aon ghnè riu-san a dh’ ainmich mi, a’ tagradh gu cruaidh, agus an impis aon a cheile a bhualadh, ach cha d’ rinn iad e. Mar sin, bha iad a’ deasboireachd, ’s a’ sabaid le’n teangannaibh o mhoch gu dubh. Ach, a Mhurachaidh, thachair ni ro iongantach orm ann an àit’ eile dhe’n tigh. Goirid o sheomair na cùirte, bha talla mòr, ard, fad, farsuing, làn dhorsan agus dhealbh, agus iomhaighean dhaoine urramach snaighte as a’ chloich chruaidh, an sud ’s an so. Bha na ficheadan a’ siubhal air an ais, agus air an aghaidh,—luchd-lagha le’m piorbhuicibh bachlagach ann an gairdeanaibh a’ chéile, a’ cas-labhairt, agus a gleadhraich ’n an gluasad o cheann gu ceann dhe’n talla. Cha chluinnteadh ach fuaim agus srann-chronan mar sgeap-sheillein ceithir-thimchioll gu leòir chùm claisneachd neach a mhilleadh. Ach co a sheas romham fein ach òg-uasal ceanalta, agus air da a làmh a chur air mo ghualainn, thubhairt e,—Cia mar a tha thu, a Choinnich, agus ciod i do naigheachd as a’ Ghortean-Fhraoich? Spleuchd mi ’s an aghaidh air le h-iongantas an toiseach, ach air ball thubhairt mi, A dhuin’-uasail cheanalta, tha barrachd eolais agad orm, agus cha’n fhios domh idir cò a tha ’labhairt rium. Cha’n ’eil sin gu cron sam bith, a Choinnich, is caraid e, caraid nan Gaidheal gu sònraichte, agas caraid na Gaelic mar an ceudna. Is glan a thug thu d’ fhianuis an diugh, a Choinnich, tha deagh Ghàelic agad, agus cha’n ’eil thu gu tur a dh’ easbhuidh na Beurla, ach rinn thu gu maith. Tha aobhur aig Sir Séumas a bhi fad, ’n ad chomain gun teagamh, Tha mise fad ’n ad chomaine-sa co dhuibh, a dhuin uasail urramaich, agus bu ro thaitneach leam fios fhaotuinn co a tha ’cur an urraim so orm? M.—Ma ta, bha sin uile gle iongantach gun teagamh, ach ciod bu choltas da? A reir coltais bha e uair eigin ann an caisteal Shir Seumas aig am na seilge far am fac e thu. C.—Cha’n aithne dhomh idir mu sin, oir cha chuimhne leam fhaicinn riamh. Is duine ceanalta, foghainteach, treun e, agus mo làmhs’ nach b’e na h-uile fear a chuireudh a dhruim ri talamh. B’ ealanta, deas a labhradh e ’s a Ghaelic, agus Gaelic na’s feàrr cha d’ thainig riamh á ceann duine! Bha fiamh-ghàire air a ghnùis,—daimhealas gun choimeas a’ deachdadh a ghiùlain! Ochan! b’e ’n duin’-uasal e, ge b’e co e! M.—An d’rinn thu idir a mach cò e? C.—Rinn mu dheireadh. Thachair e orm an ath là ’s a’ cheart àite, agus thòisich e gu caoimhneil air labhairt mu shean-fhoclaibh, agus air foighneachd dhiom an cual mi sud na so ’s a’ Ghoirtein-Fhraoich? M.—Ach cia mar a chaidh agad air fhaotuinn a mach cò e? An d’ innis e dhuit? C.—Cha d’ rinn e idir e; ach bha dorsair an sin le còta fada gòrm, agus breid dearg mu mhuineal, aig [TD 268] na robh Gaelic agus chunnaic e an duin’ uasal agus mise a’ labhairt ri chéile. Chuir mi a’ cheist ris, an robh eòlas aig air? Fhreagair e gu’n robh, agus ochan! an cliu a thug e air! Cha robh deagh bhuaidh fo’n ghrein a b’ urrainn a bhi air duine nach robh dlù-cheangailte ris, agus mu dheireadh thubhairt e gu’m bu Sgitheanach e de chloinn Neachdail, agus gu’n robh e ’n a Shiorra aon taobh deas na h-Alba. M.—Ach cia mar a b’ aithne dha thusa, a Choinnich, duine nach fhac e riamh roimhe? C.—Innsidh mi sin dhuit. Bha e ’s a’ chùirt,—chual e m’ ainm, agus m’ àite-còmhnuidh ’n àm dhoibh a a bhi ’g am cheasnachadh, agus mar spòrs dha fein rinn e suas rium mar a chuir mi an ceill. Ach mile beannachd air a cheann, agus ma’s beò mise cuiridh mi thuige fathast am fiadh a’s fearr ann am frith Shir Seumas, agus sin ma’s comas domh gach bliadhna. M.—Tha e anmoch, a Choinnich, rachamaid a nis mu’n dleasnas fheasgair againn, agus thugamaid ar leapannan oirnn ’n a thrath le beannachd. ALASDAIR RUADH. SGIALACHD ÆNEAIS LE VIRGIL. Eadar-theangaichte o’ n Laidinn gu Gailig le D. B. B. (Air a leantuinn.) Oir ceannsaichidh e ’n airde near A’s glacar leis a’ chreach mar dhuais; A’s nithear ùrnuigh ris gun tamh Mar dhia ’s gach àite leis gach sluagh. ’N uair sguireas gach cogadh searbh Fàsaidh cinnich gharg ro chiùin; Riaghlaidh ceartas feadh gach tir, ’S bidh lagh na firinn fo dheagh chliù, Bidh Dileas liath a’s Vesta ’n aigh A’s Remus mar ri bhràthair fein Cuirinus ceann-feadhna nam feachd, A’ daingneachadh gach reachd gu réidh. Dorsan eitidh chogaidh chruaidh, Duinear suas gu teann fo ghlais, Bidh croinn de ’n iarrunn air gach laimh, A’s ceanglaichean laidir de phrais. Bidh dia mòr a’ Chuthaich bhuirb ’Na shuidhe steach air airm gun truas, A lamhan ceangailt air a dhruim Le ciad snaim de ’n umha chruaidh. Gu h-oillteil ni e raoiceil mhòr, Bidh cobhar a bheòil dearg mar fhuil Casaidh fhiaclan ris gach ni, A’s ni e giasganaich gun sgur. Labhair e; us chuir ’n a dheann Mac Mhai mhalda nuas bho’n aird, A chum gum fosgladh Cartaigh ur A geatachan ’s a tuir gun chàird. ’S gun gabhadh iad a steach d ’an tir Na Tròidhich le aoidheachd fhial; Air eagal gum biodh Dido ghràidh Aineolach air Fàth nan dia, ’S gu’m fògradh i iad fad air falbh Bho crìochaibh le farmad gnò. Dh’ fhalbh e le iomradh nan sgiath Ag itealaich tre ’n iarmailt mhòir; Sheas e gu grad air an fhonn Aig Luibia dhonn nan sluagh: Ghabh e mu ’n ordugh le toirt, A’s leig e ris a thoil gu luath, Chuir na Puinnich dhiubh gach colg: A’s dh’ fhas a’ bhànrighinn soirbh ro chaoin, Bha h-air’ air na Tròidhich le sìth, ’S ghabh riutha le h-inntinn chaoimh. Ach chaithris Æneas ciùin Le mile cùram ’s an oidhch’; A’s rùnaich e ’n sin gun dàil, ’N uair thòisich an là ri soills’, Gu’n rachadh e mach gu tràth A rannsachadh nan aitean nuadh ’S a dh’ fhaicinn ciod bu ghne do ’n tir G’ an d’ thàinig e sgith de ’n chuan, Am b’ fhia-bheistean a bh’ ann no daoin’? Oir chunnaic e iad faoin a’s fàs: ’S ’n uair gheobhadh e mach gach cùis Gun tugadh fios a dh’ ionnsuidh chàich. An cromadh nan doire tiugh Fo charraig chòsaich dhuibh ro chruaidh, Cheil e ’n luingeas air gach taobh Fo sgàile nan craobh mu ’n cuairt. E fein ’s Achates a mhàin Dh’ imich an àird’ air a’ bheinn A’ crathadh da shleagh ’n a làimh ’S cruaidh leathunn ’n am bàrr gu teann. Ann am meadhon coille dlùith’ Nochd a mhathair chiùin i féin An riochd maighdne maisich òig, Mar chaoin oigh ’n a dreach ’s ’n a gne. A giulan arm nan gruagach donn Bho Sparta nan sonn ’s nan seòd Mar Harpaluiche Thràcach threun A’ sgitheachadh nan steud-each mòr, ’N uair ruitheas na ’n ear-ghaoth gheur; Mar bhan-sealgair a réir nòis Chroch i bogha mòr air ghleus Air a guailnibh; ’s a falt sgaoilt [TD 269] A’ crathadh leis a’ ghaoith mu’n cuairt; A luirgne rùisgt’ gu ruig an glùn ’S a trusgan ur ’n a shnaim gu cruaidh. Labhair i mar so air tùs Am briathraibh ciùin ris na laoich: “Innsibh dhomh, oig-fheara gasd’, Ma tharladh gum faca sibh aon De m’ pheathraichibh rùnach gràidh Air seachran fasaich leatha fèin, Balg-shaighead crioslaicht’ oirre suas Lan de ghathaibh cruaidh ro gheur; ’S i sgeadaicht’ le trusgan briagh De bhian na Luincse ballaich duinn, Le iollaich a’ leantuinn ruaig Tuire chòpaich a’ luath ruith ’n a dheann.’ Labhair Venus chaoin mar so, A’s fhreagair mar so a mac: “Aon de d’ pheathraichibh glan luath Cha chuala mi fein ’s cha’n fhac. A mhaighdean aillidh na loinn, Ciamar labhras mi riut féin Do ghuth cha’n ’eil mar chloinn nan daoin’, No d’ aogus mar neach theid eug. Gu cinnteach ’s bain-dia thu fein, Am piuthar do Phebus nan gath? No te de naomh-oighean an aigh A thainig bho aros nam flath? Bi baigheil, a bhain-dia chaomh, Grad-fhurtaich air ar saothair chruaidh, A’s innis ciod an t-ait fo nèamh De ’n chruinne che ’s am bheil ar cuairt. ’N ar cogrich no ’n aite ’s do ’n t-sluagh Tha sinn air fuadan ’s a’ cheò; Dh’ iomain a’ ghaoth sinn gu tràigh ’S na tuinn laidir bheudach mhor. Is iomad iobairt reamhar làn A loisgear le m’ làimh gach uair Air d’ altair, a bhain-dia mhor, Ma dh’ amhairceas tu oirnn le truas.” Fhreagair Venus dhonn nan leug Cha mheasar leam mi fèin gu fior Airidh air an onoir mhòir A gheall thu dhomhsa mar chis. Is gnath le òighibh Thiorruis uir Bhi giùlan nan dòrlach sliom, ’S ag ceangal mu ’n calpannaibh ard Osan sgarlaid, maiseach, grinn Faic rioghachd nam Puinneach treun, Tiorraich ’s bail’ Aghènoir mhòir; Luibia ’s e ainm na tir,’ Dream nach ciosnaichear ri ’m beò. Tha ’n rioghachd fo riaghladh mnà, Dido, a thàinig bho Thiorr, ’N uair theich i bho fheirg a nàmh, A dearbh bhrathair sanntach fiar. Is fad iomradh na h-eucoir mòir’ Is fad an eachdraidh dhòineach chruaidh: Ach aithrisidh mi chuid a ’s mò Dhe ’n sgeula bhrònach ud ri buaidh, Sichaeus b’ ainm a fir phòsd, Bha shaoibhreas ro mhor thar chàich; A’s ghràdhaich e bhean gun bhréig, Le gaol nach tréigeadh gu bràth. ’N uair bha i ’n a maighdin òig A h-athair thug le còir i dha; A’s naisg e iad an sin ri cheil Fo thargradh gach seunais àigh. Pygmalion a brathair cli Fhuair rioghachd Thiorruis mar shealbh; An aingidheachd thug bàrrr air càch, A’s lagh an naduir thilg air falbh, Dh’ eirich falachd iomadh là Eadar an da bhràthair fein, A’s mharbh Pygmalion nan car Sichaeus aig altair dhé. An t-umaidh gun dia gun bhàigh, A dhalladh le gràdh an òir Thàinig air gun fhios gun dùil A thaobh a chùil us rinn e leòn. Cheil e fad an gniomh neo-cheart, Air gaol a pheathar rinn e tàir, Gu h-aingidh dheilbh e sgeul nan gò ’G a mealladh le dòchas bath, Ach ann am bruadar feadh na h-oidhch,’ Thàinig taibhse a fir-phosd’, A chorp cha d’ adhlaiceadh ’s an uaigh, A’s thog e aghaidh suas fo leòn; B’ aognaidh glas-neulach a thuar: Nochd e ’n altair truaillt le fuil, Rùisg e gach lot agus reub A rinn an claidheamh geur ’n a uchd. An t-olc a bha ’n cleith san tigh Dh’ fhoillsich e dhi sin gu luath, A’s chomhairlich teicheadh gun dàil, Bho thir a gràidh thar a’ chuan. Seann ionmhas folaichte fo ’n fhonn Cillein airgid trom us òir, Dh’ fheuch e far an robh e ’n taisg A chuideachadh le cost an ròid. ’N uair mhosgail Dido as a suain ’S a thuig i ’m bruadar ’s a sluagh Gu dol air fuadan as an tir, Thionail i gach neach thug fuath Do ’n annrigh gun truas, gun iochd, A’s iadsan ri ’n robh e’m feirg A bha le h-eagal searbh air chrith, Ghabh iad an luingeas gun dàil A thàrladh dhoibh fhaotaimn deas. A’s chuir iad gach ionmhas air bòrd Gach airgiod us or fa leth, Ionmhas daoidheir nam feall, Pygmalion sanntach fiar, Ghiùlaineadh thar fairge nùnn, A’s bean mar cheann iùil sa’ ghniomh Bhuail iad a dh-ionnsuidh an àit ’S am faic thu ’n tras balla trom, A’s daingnichean Chartaig nan tùr Ag èirigh as ùr bho’n bhonn. Cheannaich iad làrach mar sheilbh, Byrsa a fhuair ainm bho ’n ghniomh, Fhad ’s a dh’ iathadh seiche tairbh A ghearradh gu meanbh ’n a stiall, Ach innsibh a nise co sibh, [TD 270] Cia ’n tir bho’n d’ thainig sibh nall? A’ siubhal air sliabh cho mall? Nuair chuir i ceistean mar so Fhreagair e le h-osnaich theann Thog e ghuth bho ghrunnd a chleibh, A’s labhair e gu reidh le chainnt; “A bhain dia nan innsinn sgeul Mo léiridh bho thùs mo leòin ’S gu’m biodh socair agad fein A dh’ eisdeadh an aithris bhròin; Dhùineadh Reul an Fheasgair chiair Dorsan nan nial air an là Mu’n aithrisinn trian mo sgeòil ’S gach dòruinn a rinn mo chràdh. Tha sinne bho Thròidhe nan stuadh, Ma chual thu riabh ainm na Troidh, A’s thàinig sinn thar iomadh cuan Tre chunnartaibh cruaidh ro mhòr; Dh’ iomain a’ ghaoth sinn gu tràigh Air Luibia le gàbhadh féin; Is mise Æneas, an saoidh, Chaidh m’ iomradh os cionn nan speur. Air luing thug mo dhiathan-làir, A spion mi bho ’n nàmhaid threun: Do ’n Eadailte tha mi triall, ’S mi dh’ iarmad ard Iobh bho nèamh. Air fairge Phruigia nan tonn Chuir mi fichead long fo shèol A dhol do ’n tir tha dhomh ’s an dàn; Mo dhia-mhàthair nochd an ròd, Ach ’s gann a rainig seachd dhiubh tir Di-mhillte le fairge ’s gaoith; Mi fein am choigreach air chall San fhasach bochd, fann gun mhaoin. Air m’ fhuadach gu Afric nan slògh, Asia ’s an Roinn Eorp’ fad bhuam.” Cha d’fhuilig Venus an còrr D’a ghearan mu dhòruinn shruaidh, Ach ann am meadhon sgeul a bhròin Mar so stad i ’n còmhradh geur. “Co sam bith thu tha mi ’n dùil Gur h-ann le deagh rùn nan dé A ta thu beò, nuair ràineas tir Aig baile nan Tiorrach donn; Gabh air d’ aghart na dean dàil, Ruig lùchairt bàn-righ’nn nan sonn. Oir innsidh mi dhuit gu saor, Mur d’ ionnsuich mi faoin bho thùs Fàistinneachd nan ian gun stà Bho ’m phàrantaibh gràdhach rùin, Do dhaoine tha tearuint” slan, Do luingeas shàbhaladh bh o’n chuan, A’s ràinig iad an caladh ciùin N uair thionndaidh a’ ghaoth mu’n cuairt. Faic da eala dheug ’n an sgaoth Ri caithream aobhach air an sgéith, Chuir Iolair Iobh iad gu ruaig ’N uair thuirling i nuas bho’n speur. Nis chithear iad ’n an sreud gu h-ard A’ téarnadh gu lar an fhuinn, No ’g amharc a sios air an àit, ’S an seas iad air sàil am buinn, A’ mire le bogadan sgéith Bho ’n thèarnadh iad as an teinn, ’N an còisridh dol timchioll ’s an speur A’s guileag éibhinn ac’ ’g a sheinn. Mar sin tha do luingeas féin, A’s d’ oigridh ghleusda gun sgath, Gu tearuint’ anns a’ chaladh chiùin No teachd fo ’n làn-shiùil gu traigh. Imich romhad mar a’ s aill, Gabh misneach, bi làidir, treun, Stiùir do cheum an taobh tha ’n ròd ’G ad threòrachadh direach, réidh. Labhair i, ’s thionndaidh gu fòil, Dhearrs a muineal ròs-dhearg grinn, Boltrach neamhaidh shéid gu dlùth Cuach-fhalt chùbhraidh clù a cinn; A trusgan ràinig sàil a buinn A h-imeachd dh’ fhoillsich a’ bhain-dia: ’N uair dh’ aithnich e mhàthair ghaoil Labhair rithe caoin ’s i triall. “Bheil thusa gam iochd mar chàch? A bheil thu gun bhàigh na’s mò? Ciod uime tha thu cho ro thric A’ mealladh do mhic le sgleò? (Ri leantuinn.) MU GHAIDHIL CHANADA. LITIR BHO SHEANN GHAIDHEAL ANNS NA STAIDEAN. A GHAIDHIL RUNAICH,—Air an aon latha deug de Dheireadh an t-Samhraidh dh’ fhàg mi na Staidean Aonaichte gu cuairt a ghabhail am measg mo chàirdean ’s mo luchd-duthcha a tha tàmh an Canada Niar. Cha ’n ’eil ach beagan còrr us bliadhna bho’n a fhuair mi fios air an àite-thàimh. Dh’ fhag mi Philidelphia moch ’s a’ mhadainn, agus bha mi ’n Toronto baile-mór Chanada Aird (mu shia ceud mile dh’ astar) air an oidhche sin. Mu dha-uair-dheug an la’r ’n ath-mhàireach bha mi ’n Collingwood mu’n cuairt de cheud mile bho Thoronto. Thug an t-each-iarainn an so mi. Ghabh mi ’n carbad-each gu Priceville an siorrachd Ghrey. B’e ’n t-àite sin crioch mo thuruis: is ann mu’n cuairt air a’ bhaile sin a bha mo chàirdean ’s mo luchd-dùthcha ’gabhail tàimh. Bha e ’n deigh [TD 271] meadhon oidhche an uair a thainig sinn do Phriceville; ’s chuir mise suas am fear de thighean-aoidheachd a’ bhaile. Moch ’s a’ mhaduinn an ath latha chaidh fathunn a sgaoileadh mu m’ theachd do ’n bhaile. Bha Mr. Tèarlach Camron, am ministeir, am measg nan Gaidheal còire thàinig a chur fàilte orm. Thairg e dhomh aoidheachd maille ris fhein cho fad ’s a bhithinn ’s an àite. Ach bha bancharaid dhileas faisg air a’ bhaile, nach fuilgeadh dhomh i fhein fhàgail. Chuir Mr. Camron mar fhiachaibh orm searmonachadh ’n a eaglais fhein air an t-sàbaid. Air teachd do am an aoraidh fhollaisich bha ’n eaglais làn de m’ luchd-dùthcha nach cuala mo ghuth bho chionn corr us dà bhliadhn’-diag thair fhichead. An deigh na searmoin thainig a’ mhòr chuideachd a chur fàilte orm. Chaidh an gnùis as aithne orm ged a b’ eòl domh iad uile ’n an tir dhùthchasaich. Bha iad uile an sgeadachadh math agus snasmhar. Thug mi ’n aire do choltas duine ’n am measg le chiabhagan liatha, agus an uair a ghlac e mo làmh thuirt mi ris, “Chaill mi cuimhne ort.” “An cuimhne leibh” thubhairt easan, “G——?” (Cha’n ’eil mi dol a thoirt ainm do ’n ghaidheal, airson an aobhair a leanas an deigh so). Fhreagair mi e gu dearbh is math mo chuimhne air mo sheann choimhearsnach.” “Thig sibh,” thubhairt e rium, “a chum mo thighe, agus feumaidh sibh tàmh seachdain maille rium.” Beagan làithean an deigh so, bha mi air aoidheachd le bancharaid ’n a choimhearsnachd; thàinig e agus thug e leis mo bhan-charaid agus mi fein chum a thighe agus gu dearbh b’e sin tigh an duine uasail. Bha ’m bord air uidheamachadh airson na dinnearach le nighinn, maighdeann òg, uasal agus mhaiseach ri faicinn. B’e sin a’ chuirm; cha b’ urainn dhuibh fhaotuinn na b’ fhèarr ann an Tigh an Tairbh Dhuibh air Sraid Earraghaidheal agaibh fhein an Glaschu. Dh’ fhaodteadh Mac-Cailein fhein a chuireadh gu leithid de chuirm. A dh’innse na firinn ge do thigeadh Diuc Earraghàidheal ’n am measg cha bhitheadh tuilleadh urraim air a thoirt da, na bha air a thoirt domhsa am measg mo luchd-dùthcha,—’S i mo mhor bharail gu’n robh ’mhiann oirre mo reamhrachadh roimh dhomh tilleadh do na Staidean. An deigh dhuinn eirigh bho’n chuirm, dh’ innis e dhomh an sgeul a leanas. “Tha còrr agus fichead bliadhna bho’n a dh’ fhàg mi Albainn,” ars esan “agus an dùthaich ghràdhach sin, airson saorsa dhomh fein agus do m’ chloinn o’n fhòirneart agus o’n ainiochd a bha sinn a fulang bho’n luchd-riaghlaidh bheag a bha mar spog-chat fo lamh nan ard-uachdran. Bha m’uachdran a ghnath math agus truacanta ri thuathanaich, ach gu bitheanta bha fear togail a mhail agus na cleirich bheag eile a bha air an cur leis-san os cionn na tuath, ain-iochdmhor, fein-spéiseil agus cruaidh-chridheach.Thainig bliadhnachan cràiteach le gainne teachd-an-tir air cuid mhor do Ghàidhealtachd agus Eileanaibh na h-Alba. Bha min airson bhochd air a toirt do ’n sgìreachd, agus bha dithis chleireach air an orduchadh a chum a roinn air na féumaich, Bha an t-àrd chleireach ’na spalpaire de dhuine uasal “beag,” moralach, agus fein-speiseil. Bha mo thigh falamh de lòn air Disatharn; dh’ fhalbh mi le airgiod claiche-mine do’n stòr, agus labhair mi ris a’ chleireach a b’ isle mar so: “Tha airgiod claiche-mine agam agus ma bheir thu dhomh clach eile, thig mi leis an airgiod air an ath sheachdain.” Thubhairt e rium; dol a dh’ ionnsuidh an àrd- [TD 272] chleirich airson orduigh. Rinn mi mar a dh’ iarr e orm; chaidh mi do sheòmar an àrd-chleirich, agus dh’ innis mi dha mar a dh’ innis mi do’n chleireach bheag. Le mor ughdaras fhreagair e, “ge do thairgeadh tu deich sgilleanan Sasunnnch air a chloich-mhine, cha’n fhaigheadh tu i. Tha min thubhairt e aig (fear nach ainmich mi air duilleagaibh a Ghaidheil) gheobh thu ’n sin na’s aill leat. Thill mi do ’n stòr agus thug an cléireach beag luach m’ airgid dhomh. Dh’ fhalbh mi dhachaidh leis a chloich-mhine agus air dhomh imeachd mu thimchioll ceathramh a’ mhile, chuala mi ard-ghlaodh, agus sheas mi a dh’ fhaicinn co bha glaodhaich; chunnaic mi an clèireach beag a tighinn le mor chabhaig am dheigh; dh’ fheoraich mi “ciod a bha dhith air,” “Tha chlach mhine a dhith orm” thubhairt e, “cha toir an t-ard-chleireach gràinne mine dhutsa. Thug e geur ordugh dhomh do leantuinn na ’m b’ eigin e ’chum do thighe agus a’ mhin a thoirt bhuat.” Thug mi ’mhin dha agus thug e dhomh an t-airgiod air ais. ’S e anmoch Disathurn a bh’ann; bha mo bhean agus mo chlann gun lòn airson na Sàbaid. Bha mi ’n càs cruaidh, ach dh’ fhuasgail Dia orm, or thachair caraid orm a thug clach mhine dhomh airson mo theaghlaich. Rinn spiorad saorsa greim air m’aigne bho ’n la sin. Thubhairt mi rium fhein nach bithinn am thràill na ’s mo agus shuidhich mi mo chridhe air teachd do Chanada bho ’n am sin. B’e sin gu cinnteach an gnìomh a b’ fhearr a rinn no b’ urrainn no cleirich ud a dheanamh dhomhsa, mor bhuidheachas do Dhia airson a mhaithis do-labhairt dhomh fhein agus do m’ chloinn. Tha ceud agus tri-fichead acair agam de dh’ fhearann saor; tha ceithir eich agus cuing dhamh, maille ri crodh, caoirich agus mucan agam agus seachd mairt bhainne agam, ’s cha ’n ’eil mi falamh de dh’ airgiod, ’s tha mi saor bho ainfhiach. Thubhart caraid eile rium, (a bha ’n comhnaidh air a bhachd ghainmhich mu ’n d’ fhàg mi Albainn: tha ceithir mic agam an sealbh air fearann saor, le làn stoc, each, a’s dheamh, a’s cruidh a’s chaorach; agus gheobhainn sia ceud dollar air m’ fhacal an diugh ann am Priceville.” Creid mi a Ghàidhil shuairce, or ’n ’eil mi a’ miannachadh aon neach a mhealladh, gu bheil aoibhneas orm gu ’m faca mi mo luchd-dùthcha an seilbh air fearann saor, air eich, crodh, agus caoirich, saor bho ghuth an fhir-shàruchaidh, gun eagal màil no maoir, no bàirlinn. Mo thruaighe na h-amadain a dh’ fhuirich air na bachdan gainmhich, a’ tighinn beo air buntàta a’s iasg a’s maorach an uair a dh’ fhaodadh iad a bhi cho sona agus saorsail ri ’n luchd-dùthcha a thainig do ’n tir so. Dh’ fhaodainn na h-ainmeann aca agus na h-àiteachan a dh’ fhàg iad a thoirt dhuibh, ach cha ruig mi leas. Tha fios agaibh fhein a Ghàidheil ionmhuinn air na ceudan dhiubh air am bheil sibh a taoghal gach mios ann an Canada Ard agus Iosal, Ceap Breatunn, Nova Scotia agus iomadh cèarn eile, a dh’ fhàg an seann dachaidhean ’s a’ Ghaidhealtachd no a bha air am fuadach air falbh le ainneart an luchd riaghlaidh, mar a thubhairt H. M‘C. coir anns a’ Ghàidheal;— Tha mìltean ’s an aite so thainig a nall Gun sgillinn na ’m pòca, bha brònach ’s an àm Tha nis aca fearainn ’s tha tighean ac’ shuas Eich, crodh agus caoraich, ’s cha ’n fhaoineas an luach. ’S mise a Ghàidheil urramaich, do charaid dileas SEANN GHAIDHEAL. [TD 273] BAS RIGH RAIBEART. CHUNNAIC Raibeart Brus a nis crioch a shaothrach, ’s a thrioblaidean uile, a rioghachd a chur saor o chumhachd ’us ain-tighearnas coigrich sam bith. Ach tharruing na h-easbhuidhean ’s na cruadalan triomh an deachaidh e ’n toiseach a rioghachaidh, tinneas air nach gabhadh leigheas, ’n uair nach robh e fathast ach am meadhon aois. Chuir e seachad a’ chuid mu dheireadh de ’làithean ’an lùchairt Chairdrois air amhainn Chluaidh. ’N uair a bhiodh dad de fheabhas air, bhiodh e luingeireachd air an amhainn ann am bìrlinn a bha e ’cumail a dh’ aon bhàgh air son sin; agus gu maith tric ag amharc thairis air togail luingeas, araon air son malairt ’us cogaidh, ni a bha e ro dhéigheil air fhaicinn ’an Alba. Bu ro thoigh leis mar an ceudna bhi faicinn aitreabhan na rioghachd a’ dol am feabhas, ni anns an robh e féin a’ toirt eisimpleir d’ a chuid iochdaranaibh. An uair a dh ’aithnich e ’chrioch a’ teannadh ris chuir e fios air àrd-mhaithibh na tìr’ as am feudadh e earbsadh, agus thug e teann òrdugh dhaibh, air an onair ’s air an dìlseachd, a bhi firinneachd d’ a mhac, Dabhaidh, agus an crùn a chur air a cheann co luath ’s a thigeadh e gu aois a bhiodh freagarrach. Ghairm e thuig’ an sin Morair Seumas Dùghlas, agus labhair e ris ’an éisdeachd chàich uile. “A charaid chaoimh,” ars’ esan, “cha ’n ’eil neach sam bith aig an fhearr a tha fios na agadsa cia mòr an t-saothair agus na fulangais troimh an deachaidh mis’ air sgàth còraichean na rioghachd so. ’N uair bu mhò bha mi air mo theannadh thug mi bòid do Dhia, na ’m bithinn air mo chaomhnadh gu crioch fhaicinn air mo chogaidhibh, agus an rioghachd so a riaghladh an sìth, gu ’n rachainn an sin a chogadh an aghaidh naimhdean ar Tighearn’ agus ar Slànnighir. Cha do sguir mo chridhe riamh a lùbadh do’n mhiann so, ach cha tug an Tighearn aonta do ’ni so, oir bha ni’s leòir agam air mo làmhaibh re m’ uile làithean, agus tha mi nis air mo bhualadh leis an tinneas throm so, mar a chi sibh uil’, air sheòl ’s nach ’eil ni air mo shon ach bàsachadh. Agus o nach urrainn mo chorp dol an sud, rùnaich mi mo chridhe ’chur ann an àite mo chuirp, air son mo bhòid a choimhlionadh. Agus a nis, a charaid ionmhuinn agus dhìleis, a chionn gu bheil fios agam nach ’eil ’s an rioghachd air fad uasal is gaisgeile na thusa, tha mi ’g aslachadh gu’n gabh thu os làimh an turus-cuain so, agus gu’n diol thu na fiachan so air son m’ anma; oir tha ’bharail sin agam air d’ fhirinn ’s air d’ uaisleachd gu bheil mi dearbhta gu’n coimh-gheall thu ciod sam bith a ghabhas tu os làimh. ’S i mo thoil, uime sin, co luath ’s a bhàsaicheas mi, gu’n toir sibh an cridh’ as mo chorp, ’s gu’n toir sibh mu’n airidh spìosraidh a chur air, ’s gu ’n gabh sibh de ’m chuid ionmhais a mheud ’s a shaoileas sibh a bhi pailteas araon duibh féin ’s do bhur companachaibh; agus gu ’n toir sibh leibh mo chridhe ’s gu ’n càirich sibh e ’n uaigh naoimh ar Tighearn, a chionn nach urrainn an corp so dol an sin.” Bha gach neach a bha làthair a’ sileadh nan deur ag éisdeachd na h-òraid so, agus an Dùghlasach curanta mar chàch. ’N uair a fhuair e fo ’anail, fhreagair e gu ’n robh e toirt mìle taing do ’n rìgh air son na h-earbsa bha e cur ann; agus gu ’n robh e ro dheònach air ùmhlachd a thoirt gu ro dhìleas d’a àithne. Thug an rìgh an sin taing dha, ’s thug e air gealltuinn, air focal [TD 274] firinneach ridire, gu ’n deanadh e ni a bha a ag iarraidh. ’N uair a gheall an Dùghlasach a réir sin e; thug an rìgh taing do Dhia an sin, ’s thuirt e gu ’m bàsaicheadh e ’n sìth a chionn gu ’n robh fios aige gu ’n deanadh an duine bu treubhaiche ’n a rioghachd an ni ud air a shon nach b’ urrainn e féin a dheanamh riamh. An déigh so thruimich a thrioblaid air, ’s chaochail e anns a bhliadhna 1329, an 7 là de mhios-meadhonach an t-samhraidh. Bha e da fhichead ’s a cuig deug a dh’ aois, agus ’n a rìgh 23 bliadhna. Rinneadh caoidh mhòr ’an Alb’ air a shon. Agus na ’m b’ fhiach do Alba cumha dheanamh air son aon sam bith de ’cuid mac, b’ e phearsa rioghail so, gun teagamh, a b’ fhearr an airidh air an onair sin. Ach bha aobharan an caoidh ni bu mhò na bha iad a’ faicinn an là ud. Rinn iad uaigh riomhach mharmoir air a shon ann an coisir chùil Abaid Dhunfermlin. Ghnàthaich an eaglais gach greadhnachas a bha ’n a comas aig àm a bhi ’g a adhlacadh, na ’n deanadh ceòl-thuireadh, ’us tional easbuigean, ’us luchd-dreuchd de gach inbh’ ’us ainm e. Ach anns na stadaibh a bha ’n tràths ’us a ris a’ dol air ceòl nan innealan, chluinnteadh fuaim a’ ghuil ’s an tuiridh a measg a chomh-chruinneachaidh lionmhoir ud. Tha rìgh Raibeart air a chumail fa chomhair luchd-leughaidh mar is trice, mar fhear-cogaidh—mar neach a dhoirt mòran fola. Cha bu deic leis na b’ éigin da dheanamh dheth sin ’an dion a bheatha féin, ’s a’ seasamh còraichean a rìoghachd. Ach tha caochladh nithe sgriobhta mu ’thimchioll a tha deanamh soilleir gu’m bu duin’ iochdmhor, truasail e, co maith is gaisgeil ri aghaidh cruadail; ach ris nach b’ urrainn sinn eadhon beantuinn anns a ghiorrachadh so a rinn sinn air a ghniomharaibh euchdail. Goirid an déigh bàs an rìgh, dh’ fhalbh am Morair Dùghlas, le àireamh maith de luchd-leanmhuinn, air los cridh’ a’ Bhrusaich adhlacadh ’s an uaigh Naoimh ’an Ierusalem. Bha e aig’ ann an soireig airgid, crochte m’ a amhaich, le sreing de òr ’s de shìde. Air an turus do’n àirde near chaidh na h-Albannaich air tìr ’s an Spainn. Ghabh rìgh na Spainne riu gu subhach. Thachair gu’n robh cogadh ’s an àm eadar Alphonso, rìgh na Spainne, agus Osruin, rìgh nan Sarasach, luchd-leanmhuinn Mhahomeit, a bha ’n déigh sealbh a ghabhail air roinn mhòir de’n Spainn fada roimhe sud. Thug Alphonso air na h-Albannaich aontachadh ri dhol ga chuideachadh an aghaidh nan naimhdean so. Choinnich an dà armailt ann an achadh faisg air Gibraltar. Rinn Alphonso Morair Seumas Dùghlas ’n a Sheanalair air roinn mheadhonach an airm. Chuir a’ chuid sin de’n armailt air theicheadh na bha mu’n coinneamh de’n nàmhaid. Ach lean iad an ruaig ro fhada, ’s thug na Spainich an aghaidh air creachadh. Ach phill an eachraidh Sharasach air an ais, ’s chuartaich iad an tearc a bha ’g an ruagadh. ’N uair a dh’ fhairich an Dùghlasach an nàmhaid a’ dòmhlachadh timchioll air, dh’ fhuasgail e ’n còrd a bha ’ceangal na soireig o ’bhroilleach ’s thilg e i fad a ghàirdein do mheadhon an nàmhaid, ag ràdh aig an àm cheudna, “Gabh air thoiseach ’s a’ chòmhraig mar bu nòs duit, ’s leanaidh an Dùghlasach thu, no bàsaichidh e.” An sin dh’ oibrich e ’chlaidheamh mòr co maith ’s gu’n do réitich e àit’ anns an robh cothrom dol mu’n cuairt aige. Ach bha na naimhdean co lionmhor ’s co guineach timchioll air ’s nach robh dol as aige. Fhuaradh a chorp làn [TD 275] do lotaibh, faisg air an àit’ ’s an robh an t-soireag airgid le cridhe an rìgh ’n a luidhe. Phill na mhair beò ’an déigh a’ bhlair ud de na h-Albannaich dhachaidh. Thug iad leò cnàmhan an Dùghlasaich, agus chuir iad air leth am fear a b’ urramaiche ’n a measg air son an t-soireag phrìseil a ghiùlan air ais do Alba. Dh’ adhlaiceadh cnàmhan an Dùghlasaich ’n a eaglais féin, maille ri ’aithrichibh. Dh’ adhlaic iad cridhe Raibeirt Brus ’an Abaid Mhelros. Anns a’ bhliadhna 1818 bha luchd-oibre ’gearadh bunait air son eaglais ùr a thogail air lathrach seann Abaid Dhunfermlin. Anns a’ ghlanadh a bha iad a’ deanamh an sin thàinig iad air uaigh rìgh Raibeirt. Bha còmhdachadh luaidhe air a tharruing ’an cumadh crùin aig a cheann, a’ cuairteachadh a chuirp. Bha mìrean de’n lìon-eudach òir ’s an deachaidh ’adhlacadh fathast ri ’m faicinn. Fhuaradh gu ’n robh na h-aisnean air taobh clí a’ broillich air an sàbhadh as a’ chéil’ air son an cridhe thoirt a mach. Thàinig òrdugh a nuas á Lunninn na cnàmhan a bhi air an gleidheadh gu cùramach gus am biodh tàmh-thigh ùr air ullachadh air son an càradh ann le mòr urram. Chruinnich mòran de shluagh na dùthcha, iosal ’us uasal, gu sealladh fhaicinn de ’n a bha ’n éis de ’n ghaisgeach chliùiteach. Bha iad a sealltuinn le ioghnadh ’us fiamh air a’ chlaigionn ’s an robh comhairle co glic a’ còmhnachadh uair eigin, agus air a’ chnaimh chaithte ud, a b ’e aon uair an gàirdean neartmhor a bhuail gu talamh am Bohun garg. A’ CHLARSACH, NO ’CHRUIT. THA Chlàrsach no ’Chruit ’n a h-inneal-ciùil a tha anabarrach sean. Cha robh ach sia téudan air a’ chruit a ghnàthaicheadh ’s na céud lìnntibh ann an Alba, ’s ann an Eirinn, ach an déigh sin, chaidh barrachd théud a chur am féum. Bha meas air a’ chruit na’s mò na bha air inneal-ciùil sam bith eile, agus tha fios againn o sheann bhàrdachd, co maith us o sheann eachdraidh, gu’m bheil an t-inneal sin co aosda ris na Gaidheil fein. Is e cruit a bhi aig neach sam bith aon de na tri nithibh a bha gu dheanamh ’n a dhuin’-uasal, agus ’n a dhuine saor. Cha’n fheudadh a dhànadas a bhi aig fear sam bith amharc air fein, mar dhuin-uasal mar biodh cruit aige, agus cumhachd cluicheadh oirre. Air an làimh eile, cha robh a chridhe aig tráillean sam bith làmh a chur air clàrsaich, do bhrìgh an sin gu’m biodh iad air am meas uasal, agus uime sin, cha robh e ceaduichte dhoibh fein ceòl ionnsachadh, no ceadaichte do neach eile a theagasg dhoibh. B’ iad righrean, agus luchd-ciùil nan righrean, àrd-mhaithean agus uaislean na tire aig an robh comas clàrsaichean a bhi ’n an ionadaibh-còmhnuidh. Dh’ fhéudadh ard-uasal clársair a bhi aige, ach cha’n fhéudadh an clàrsair sin cluicheadh ach am feadh ’s a bha e fo cheangal aig a’ mhaighstir fein. Ged a thuiteadh duin’-uasal sam bith ann am fiachaibh, cha’n fhéudadh an lagh greim a dheanamh air a chlàrsaich air son nam fiach, oir air dha a bhi dh-easbhuidh na clarsaiche, chailleadh e ’urram fein, agus bhiodh e air a mhaslachadh gu inbhe tràille. Tha am mòr-mheas céudna air a’ chlarsaich am measg nan Lochlunnach. Bha iad air am meas ’n an uaislibh le lagh na dùthcha a chluicheadh oirre, air an dion o gach cunnart, agus air an teasairginn o gach peanas. Agus cha’n e sin a mhàin, ach bha iad air an toirt a stigh do’n chuideachd a’s urramaich, agus bha gach onoir agus meas air [TD 276] am buileachadh orra. Ach mar a bha linntean a’ ruith seachad bha na cleachdaidhnean so ’g an cur a chuid ’s a chuid air chùl. Tha’n earrann mu dheireadh dhe’n bhàrdachd mhaisich a rinneadh ann an linntibh fad fad air ais, ris an abrar “Miann a Bhaird Aosda,” a nochdadh dhuinn ann am briathraibh tlà, am meas a bha aig an t-seann fheardàn sin air a’ chruit fein, oir thubhairt e:— Ach O! mu’n tig i, seal ma’n triall mo cheò Gu teach nam bàrd air Ard-bheinn as nach tìll, Fair cruit ’s mo shlige dh’ ionnsuidh ’n ròid, An sin mo chruit, ’s mo shlige ghràidh, slàn leibh! SGIATHANACH. SOP AS GACH SEID. Far nach ’eil an cridhe saibhir, cha’n ’eil ann an saibhreas ach deircean bochd, salach, truagh. Tha tuigse an duine a tha da rireadh glice mar ghloine. Leigidh i stigh solus nèimh agus a ris leigidh i air as e. Gus an deachaidh sinn troimh ’n àmhainn theintich, cha robh fios againn air méud na truaillidheachd a thugadh air falbh uainn. Cha tric leinn aithreachas a bhi oirnne air son gu’n d’ fhuirich sinn ’n ar tosd ach is minic a ghabh sinn aithreachas a chionn nach do chùm sinn ar teangadh. Ma tha duine dichiollach, cùramach, agus glic, tha e cinnteach gu’n teid gach cùis leis; agus tha a ghiulan a’ cur deagh eiseimpleir roimh gach sean agus òg mu’n cuairt da. Tha an neach sin a tha an còmhnuidh fo dheagh mhisnich ag cleachdadh leighis, a bhios chum slàinte, an da chuid, do’n chorp agus do’n anam. Cha bu chòir do dhuine deagh obair a thréigsinn, ged nach soirbhich cùisean leis co h-ealamh ’s a bha dùil aige. Cuireadh e a dhòchas ann an subhailc, firinn, agus maitheas an Fhreasdail agus thig rath an cois a dhichill. Tha dà fhoghlum aig gach aon againn. Tha sinn a’ faotuinn aon diubh bho mhuinntir eile, agus tha sinn a’ toirt dhuinn fein an aon eile. Tha an ti sin an còmhnuidh saoibhear, a tha an còmhnuidh slàinteil. Chuir òganach còir, àbhachdach, a’ cheist roimhe so ri seann mhaighdinn uasail, a bha air an taobh thall de leth-cheud, agus thubhairt e rithe, “Ciod i do bharail-sa a nis, a bhean-uasal, urramach, mu thimchioll pòsaidh?” “Mu thimchioll pòsaidh,” ars’ ise, “Tha e ceart cosmhuil ri euslainte sam bith eile, an uair a tha beatha ann, tha dòchas.” Tha moran air am mealladh a thaobh saoibhreis. Tha dùil aig na daoinibh saoghalta, amaideach, farmadach nach ’eil sonas r’a fhaotuinn air uachdar an talmhainn, ach ann an airgiod agus òr. Ach tha mealltaireachd na barail so aithnichte dhoibhsan uile aig am bheil cinn gu smuaineachadh, agus cridheachan gu mothuchadh. Na dean gaire ri leanabh ged a chuireadh e ceist, ’n ad bheachd-sa, amaideach. Cha’n ’eil sin amaideach do’n leanabh, agus ma nithear gàire ris, bithidh e an cunnart a mhisneach a thoirt air falbh. Ge b’e co iongantach, faoin, agus diomhain ’s a dh’ fhéudas ceistean na cloinne a bhith, tha iad airidh air freagradh cairdeil agus deas fhaotuinn. Is lionmhor iad a ta ann an cabhaig gu fàs beartach, a chi gur amaideach an giùlan fein, oir feuchaidh beagan ùine gu’m bheil iad ann an cabhaig gu bhi air an creach. Is iad na daoine a shaoithricheas gu foirfe, ciùin, stòlda, na daoine as feàrr a shoirbhicheas anns an t-saoghal. Is tric leò-san d’an cleachd a bhi ’deanamh nithe gu cabhagach, gu’m féum iad na nithe céudna a dheanamh dà uair. Tha dearrsa aig soirbheachadh saoghalta a ta ealamh air sùilean dhaoine a dhalladh. An uair a chithear duine ag éiridh suas anns an t-saoghal, tha beachd agus barail ro mhòr air an gabhail dheth. Theirear, “Nach iongantach an duine so a dh’ éirich co h-ealamh suas?” Cha’n ’eil smuain idir air a gabhail mu’n fhirinn, gur iad an duslach, a’ chonnlach, agus na h-itean, nithe gun chudthrom, agus air bheag luach, na nithe gidheadh a’s luaithe agus a’s ealamh a dh’ éireas suas. Cha’n iad an còmhnuidh [TD 277] na daoine mora agus maithe a’s luaithe a dh’ eireas suas gu maise agais moralachd shaoghalta. COMHAIRLE. Na bi os ceann do chèaird no do dhréuchd, ciod air bith a’ chèaird non dreuchd a’ dh’ fhéudas a bhi ann. Dean dichioll gu bhi ag éiridh suas ’n ad ghairm fein. Tha esan a tha ’togail a’ shròine ri ’obair fein, gu h-amaideach a’ connsachadh ris an aran agus ris an ìm aige fein. Is bochd an gobhainn esan a throdas ris na sradaibh a dh’ éireas o’n innein aige fein. Cha’n ’eil nàire no masladh ceangailte ri’ gairm onoirich sam bith. Na biodh eagal ort do lamhan a shalchadh oir tha’n t-uisge chum an glanadh gu saor, pailt r’a fhaotuinn. Tha gach ceaird maith do’n luchd-cheairde—ach dean faicill an aghaidh aon ni,—’s e sin an leisg. Tha na’s leoir r’a dheanamh ’s an t-saoghal so air son gach paidhir làmh a gheibhear ann; agus feumaidh sinn obair a dheanamh chum gu’m bi an saoghal na’s beartaiche air duinn a bhi ’gabhail còmhauidh ann. Is fhad o’n chual sinn nach “leig an leisg da deoin duine air slighe chòir sam bith.” S. URNUIGH DHURACHDACH. RINNEADH an urnuigh a leanas, ma ’s fhìor, le tuathanach còir Gallda de mhuinntir Siorrachd Dhunbreatunn, ’s a’ bhliadhna 1804, an uair a bha na Frangaich a’ bagradh air tighinn a nall:— “A Dhia beannaich an tigh so ’s gach duine ’s beathach a tha stigh, ’s mar dhà mhìle de dhà thaobh an tighe. O, beannaich am mart, agus a’ mhin, agus an gàradh-càil, agus baile mor Dhunbreatunn. “Beannaichan Trup Glas a tha ’n gearrasdan Hamilton. Is gillean sgairteil fearail iad—cha’ b’ ionann iad fhein ’s na cìleagan Shasannach, a bhuaileas an cas air cloich, agus a their: ‘Am fear ud anam na cloiche,’ mar gu’m biodh anam ’s a’ chloich. “O, tog gàradh-droma làidir eadar sinn ’s na Frangaich, ach ear gu mor is treasa eadar sinn ’s na béistean Eirionnach. “A Thighearna, teasraig sinn bho bhuidsichean, agus bho bhan-bhuidsichean, ’s bho gach piastaig a shnàigeas air feadh an fhraoich. “A Thighearna cuir braighdean dùbailte mu amhach righ na Frainge, agus thoir dhomhsa ceann na teadhrach, gus a thoirt air cheann leam an rathad is àill leam. Amhuil bitheadh. A thaobh ar teachd-an-tir tha moran deth ’ga mhilleadh le ana-caitheadh. Fàgar cuid dheth ’nar soithichibh,—théid cuid dheth ’san teine,—agus tilgear cuid dheth a mach. Tha e cinnteach gu’m bheil comas againn air so a dheanamh, oir is leinn fein e. Cheannaich no choisinn sinn e. Phaigh sinn am fuineadair, agus am feoladair, ach cha do phaigh sinn Esan a rinn an teachdan-tir, agus cha’n urrainn sinn ath-dhioladh a dheanamh Dha-san le h-airgiod no le h-òr. Uaith-san tha sinn a’ faotuinn ni’s leòir air san ar feumalachd fein, ach cha’n ’eil sinn a’ faotuinn còir. Uaith-san gu ana-caitheadh a dheanamh air a’ chuid a’s lugha de thoirbheartas a fhreasdail fein d’ar taobh. Tha cleachdadh na dichill ’na buannachd mhòir air a sgàth fein. Is e so fior shaorsa an duine sin a ta iriosal. Tha e ’cur dealachaidh ro chomharraichte eadar e agus an neach sin eile a tha ciontach agus truagh. Is e so fior shuaicheantas an urraim a ta aige ’san t-saoghal, agus is e so a bheir air gu’n abair e, “Tha mi a’ cumail m’ àite fein a’m measg mo cho’ chreutairean, a chionn gu’n do choisinn mi e.” Tha e ’ga fhaicinn fein saor agus neo-eiseimeileach, agus anns gach comunn feudaidh e a cheann fein a thogail suas Is searbh an obair a bhi diomhain. Cha’n ’eil ni sam bith ann a dh’ fhàgas duine ann staid ni’s truaighe na bhi diomhain. Cha’n ’eil aobhar truais ann a ta ni’s mò na daoine aig am bheil ùine ’nan laimh fein, agus gun a bhi faicinn car aca r’a dheanamh. Tha beatha an duine air a roinn ’na tri earrannaibh, agus is iad sin, an earrann a bha, an earrann a ta, agus an earrann a bhitheas. Bu chòir duinn a bhi air ar teagasg leis an àm a chaidh seachad, buannachd fhaotuinn o’n àm a ta làthair, agus gu bhi ’gar giùlan fein ni’s feàrr air son an ama ri reachd. Cha’n e saibhreas mòr, no fuil uasal a ni duine sona. Tha’n da chuid aig mòran de na daoinibh a’s truaighe air an talamh. Is sona, siochail, beannaichte an ti sin aig am bheil cumhachd gu cur suas gu foighdinneach le deuchannaibh, agus aig am bheil taingeileachd gu comhfhurtachd a shealbhachadh. Tha ’n tì sin a’ tarruing sonais ’a cùisibh eugsamhla na beatha, agus eirichidh gu maith dha a bhos agus thall. Smuainich air so, agus bi glic. S. [TD 278] LINN AN AIDH. LE IAIN MACCUARAIG, AM BOTH-FHIONNTAIN. [Ceòl] “An uair ’bha ’Ghàilig aig na h-eòin,” Bha ’m bainne air an lòn mar dhriùchd; A’ mhil a’ fàs air bàrr an fhraoich— A h-uile ni cho saor ’s am bùrn. Cha robh daoin’ a’ pàidheadh màil, Cha robh càin orra no cìs— Iasgach, sealgach, agus coill Aca gun fhoighneachd, gun phrìs. Cha robh cogadh, cha robh còmhstri, Cha robh cònnsachadh, no stréup ann; H-uile h-aon a’ gabhail còmhnuidh Anns an t-seòl’ bu deòin leis fhéin e. Cha robh guth air crich no tòir; Bha gach dùil ’tigh’nn beò ’an sìth; Féum sam bith cha robh air mòd, ’S lagh na còrach air a’ chrìdh’. Dh’ òr dh’ airgiod cha robh miagh, Sògh ’us fialachd air gach làimh; Bochduinn cha d’ fhiosraich neach riamh, ’Us duine cha d’ iarr cuid chàich. Bha caoimhneas, comunn, iochd, ’us gràdh Anns gach àit ’am measg an t-sluaigh, Eadar far an éirich grian ’S far an laidh i ’n iar ’s a’ chuan. Bha gach achadh fo thróm bhàrr Gu torrach, làn, air a’ chluain; Bliochd ’us bainne aig an àl— Innis ’s gach àit aig a’ bhuar. Cha robh féum air cléith no crann, Chìnn gach ni neo-ghann leis fhéin; Meas ’us blàs ’s a h-uile h-àm— A’ bliadhna ’n a sàmhradh gu léir! —An Duanaire. [TD 279-288] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 289] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] TREAS MIOS AN FHOGHAIR, 1875. [46 AIR. SEAN-FHOCAIL. X.—LEUM AN GÀRADH FAR AN ISL’ E. Ma tha mi tuigsinn an t-Sean-fhocail gu ceart, ’s e so brigh a theagaisg. Anns gach ceum do d’dhleasdanas air thalamh,—anns gach ni a thig fa d’chomhair a bhitheas mar fhiachaibh ort a radh no dheanamh, tha do roghainn de dhà dhoigh agad airson do dhleasdanas a choilionadh. Tha aon de na doighean so na’s ’usa, na’s seimhe, ’s na’s modhaile na ’n aon eile; agus tha ’n Sean-fhocal ag iarraidh an doigh is ’usa ’s is modhaile ’roghnachadh. Is aithne dhuinn gu leir co bhuaithe tha samhladh an t-Sean-fhocail ag eirigh. Air croitean beaga na Gaidhealtachd tha ’m fearann aitich ’s an t-ionaltradh sgarte’ o cheile le gàradh. Deireadh an earraich, an uair a theid am pòr ’s a’ ghrunnd, cuirear an crodh, na h-eich, ’s na caoirich cùl a’ ghàraidh-dhroma. Cha ’n ’eil, mar is trice, an greim ach lom cùl a’ ghàraidh; agus chithear, gu minic, an spreidh a’ sealltainn, le suil mhiannach, acrach, air an fhochann ghorm ’s air an fheur dhlù a tha cinntinn taobh stigh a’ ghàraidh. ’S ann, mar gu’m b’eadh, ri mart òg, gun ghò, a tha earail an t-Sean-fhocail, gu litireil, air a labhairt. Air bò, no air each, no air caora mhi-mhodhail cha ruigear a leas comhairle de ’n t-seorsa so a thoirt. Tha ’n comhairle ’n an ceann fein. Cha ’n ’eil neach a chunnaic mart a’ cur a cinn thar gàraidh, ’s a beachdachadh gu geur air a’ chuirm a tha fa comhair,—a toirt suil luath a sios agus a suas air eagal gu bheil cù no duine ’s an t-sealladh,—a tomhas airde a’ ghàraidh r’a neart ’s r’a h-acras fein,—a’ toirt ceum air a h-ais ’s air a h-aghaidh dh’fheuch am faic i bearn no isleach no eadhon àite socrach d’a casan airson a leum, nach aidich ge b’e cho feumail ’s a tha ’n earail “Leum an gàradh far an isl’ e” a thoirt air daoine, gu’m b’e bhi ’cur ime do thigh àiridh a toirt air crodh. “Leum an gàradh far an isl’ e,”—ach, nach i ’cheud cheist, an coir an gàradh a leum idir? Cha ’n i so, a charaid, a cheud cheist, no ’n dara ceist. Ann am fior bhrigh an t-Sean-fhocail, cha cheist idir i. Tha sinn, gun teagamh, a’ cleachdadh an t-samhlaidh—leum a’ ghàraidh—gu tric, airson a bhi deanamh an ni nach bu choir. Tha ’n samhladh freagarrach; oir, anns an t-seadh so, ’s e ’n gàradh a chrioch a tha eadar am fearann ceadaichte ’s am fearann toirmisgte. Cha ’n ’eil teagamh nach ni mi-laghail a tha ’bhò a’ deanamh; agus feudaidh e bhi gu’m b’i cheud cheist a bu choir dh’ ise fheoraich, co-dhiu bha no nach robh e ceart an gàradh a leum, an aite iosal no ard. Ach fhreagair am mart a’ cheist, ma ’s e ’s gu’n do chuir i i, mar a fhreagras a’ chuid mhor de’n chinne dhaonna i, air a doigh fein. Ma dh’ fhaodte gu bheil e cho fior mu [TD 290] chrodh ’s a tha e mu dhaoine gu’m faigh iad, “Tuilleadh beannachd ann an dùil, Na an crùn le bhi ’n a sheilbh;” ach cha chum so crodh na ’s mò na daoine toilichte le bhi ’n comhnuidh a’ beathachadh air duil. Is ceist mhor agus chudthromach a’ cheist so mu leum a’ ghàraidh—cha teid na’s cudthromaiche mu d’ choinneamh air thalamh. An còir an gàradh a leum idir; agus ma tha so ceadaichte air uairean, c’uin’ is còir agus c’uin’ nach còir, is ceistean iad so a tha tur eadar-dhealaichte, agus na miltean uair na’s cudthromaiche na ’cheist a tha ’n Sean-fhocal a’ dusgadh. Is ceist so a tha buntainn ri ciod tha laghail, agus ciod tha mi-laghail;—ciod tha ceart agus ciod tha cearr. Tha ’n Sean-fhocal a’ buntainn a mhain ri ceist gu mor is isle na so—eadhon ciod tha iomchuidh no freagarrach agus ciod nach ’eil. Tha ’n Sean-fhocal a’ gabhail os laimh, mar gu’m b’ann, gu’n do chnuasaich thu ’cheud cheist; agus gu’n do shocraich thu ann a d’ inntinn fein gu bheil e laghail dhuitse, air an àm, an gàradh a leum; agus an sin tha e toirt comhairle ort airson an doigh anns a leum thu e. Mur biodh a’ chuis mar so—na ’m biodh e an teagamh co-dhiu bu choir an gàradh a leum no nach bu choir, bu theagasg cunnartach teagasg an t-Sean-fhocail, oir an sin bu sheoladh e airson euceart a chur an gniomh air an doigh a bu taitniche ’s a bu tearuinte. Cha ’n ’eil earail an t Sean-fhocail, ma ta, a’ buntainn, ann am fior-bhrigh cainnt chothromaich, ri d’ dhleasdanas idir, ach a mhain ri d’ bhuannachd ’s ri d’ thoilinntinn fein ’s do choimhearsnaich ann a bhi ’cur do dhleasdanas an gniomh. Cha ’n ’eil, mar so, teagasg an t-Sean-fhocail a’ buntainn ris a’ choguis idir, ach ris an tuigse. Cha ’n ’eil umhlachd a thoirt d’a theagasg ceart, agus easumhlachd cearr, gu bhi labhairt gu neo-chearbach; ach a mhain buannachdail no caillteach. Bhiodh ar n-Aithrichean gu tric a’ cur dealachaidh eadar Lagh ’us Ceartas, agus tha sin comasach, ach dhuinne tha e moran na’s feumaile bhi cur dealachaidh eadar na nithean tha ceart agus na nithean a tha mhain iomchuidh no freagarrach. Is ni cunnartach each a chur air teaghair ghoirid ri aodann gairt. Ach ma bheir thu do’n each teaghair cho fada ’s gun ruig e air a leoir feoir, cumaidh teaghair gle shuarach á cron e; mur toir, brisidh an t-acras an teaghair, agus cha ’n ann air feur a chromas an t-each an uair a gheibh e ma sgaoil. Is tric a bha mi smuaineachadh gu’n do ghiorraich sinne an teaghair air uairean gus an deach a briseadh; agus gu’n cuala mi uair ’us uair teagasg anns an robh feur air a thoirmeasg cho maith ri fochann;—an e gu’n robh suil a’ bhuachaille cho claon no cho dall ’us nach bu leir dha co-dhiu b’e feur no fochann air an robh an treud an toir? ’S e do bhuannachd an comhnuidh geill a thoirt do earail an t-Sean-fhocail; agus tha mi meas gus e do dhleasdanas e mar is trice. Nach e do dhleasdanas do ghnothuch a dheanamh air an doigh is lugha dragh dhuit fein ’s is mo toilinntinn do d’ choimhearsnaich? Nach e do dhleasdanas a’ chainnt is modhaile ’s is taitniche a chleachdadh a chum do smuaintean a chur an ceill? ’S e gun teagamh; ach is aon dleasdanas an gniomh a dheanamh no ’chainnt a labhairt, agus is dleasdanas tur dhealaichte an doigh air an deanar an gniomh no air an labhrar a’ chainnt. Tha slighe an dleasdanais, air a feabhas, docrach, garbh; is e do dhleasdanas cho maith ri [TD 291] d’bhuannachd an ceum is socraiche thaghadh. Feudaidh amannan teachd anns am fairich thu gur e do dhleasdanas, a chum fianuis fhollaiseach a thoirt an aghaidh eucoir no air taobh firinn shonruichte, an ceum is docraiche ’s is cunnartaiche ’thaghadh. Gheibh thu air uairean cuid de nithean ri dheanamh ’s ri radh, anns a’ bheil an doigh air an oibrich thu ’s air an labhair thu cho feumail a shonruchadh ris an obair ’s ris an labhairt fein. Ach cha tachair so ach ainmig. An uair a shocraicheas thu ann ad’ inntinn fein ciod e do dhleasdanas, tha thu, mar is trice, sabhailte ann a bhi gabhail seoladh an t-Sean-fhocail a chum do dhleasdanas a choilionadh. ’S e Modh ann an cainnt agus Seoltachd ann an gniomh teagasg an t Sean-fhocail. A’ bheil na feartan so dligheach d’ar Sluagh? Theirinn gu bheil ann an tomhas na’s mo na shaoilear; agus co-dhiu ’s e mo bheachd gur fiach fheoraich c’aite ’bheil sinn lag, agus c’aite ’bheil sinn laidir anns na cuisean so. Gheibhear an Sean-fhocal aig na Goill—“Loup the dyke where it’s laighest.” Tha e cosmhuil gu’n tug an dara Sluagh an Sean-fhocal o’n t-Sluagh eile. Co aige aca ’chinn e, cha’n fhios duinn, oir bha ’chleachduin o’n d’eirich an samhladh cumanta do’n dà Shluagh. Ach co-dhiu a fhuair sinn an Sean-fhocal na thug sinn seachad e, chaidh a theagasg a sheirm ’n ar cluasan air doigh no dhà rè ar n-Eachdraidh; agus air aon doigh co-dhiu thug sinn geill do’n teagasg nach d’ thug moran shluagh eile. ’N ar co-luadar ri coigrich, agus, feudaidh mi ’radh, ri cach a cheile, nochdaidh sinn, ann an Gaidhealtachd na h-Alba, ’n ar canain, ’n ar guth, ’s ’n ar giulan barrachd meas agus urraim na nochdas na Goill. Anns an ni sin ris an abair sinn modh, tha ’n Gaidheal, anns an rioghachd so co-dhiu, fada air thoiseach air a’ Ghall. Cha bhiodh e duilich aobhar no dha fhaotainn ’n ar n-Eachdraidh airson cho teom ’s a tha sinn air urram ’us meas a thoirt seachad; ach tha mi de ’n bheachd nach ann an Albainn a mhain a gheibhear an Gaidheal air thoiseach anns a’ bhuaidh so. Dearbhar gu soilleir, tha mi meas, gu’m buin a’ bhuaidh so ann an doigh chomharraichte d’ ar Sluagh. Bheir Gaidheil na h-Eorpa barrachd air na Cinnich eile ann an snas an cainnt agus ann am maise an conaltraidh ’s an giulain ann an cuideachd. Tha fios againn nach ’eil sluagh ’s an Roinn-Eorpa a thig a nios ris na Frangaich ann an snas ’s an grinneas, ’n a n-eideadh, ’n a n-cainnt, ’n a n-giulan, ’s ’n a n-obair. Airson modh a’ chainnt tha ’m Frangach comharraichte. Agus cha ’n ’eil teagamh agam nach e ’m boinne Gaidhealach a tha ann am fuil an Fhrangaich a thug a leithid de atharrachadh as an Laidinn, neartmhor, riaghailteach, greadhnach mar iadsan a labhair i, ’us gu’n do thiunndaidh i ’n a Fraingis,—canain shnasmhor, loinnearach, mhilis, gheur. Ann am Breatunn, cha ’n ’eil teagamh nach labhair na Gaidheil na’s fearr agus na’s modhaile, a reir am foghluim, na labhras na Goill. Tha cunntas creideasach againn air urram na Uelseach agus na Manannach ann an labhairt. Co nach cuala mar a shleamhnuich an t-Eireannach a’ theanga ri Clach-an-t-sodail; agus co aige nach ’eil fios gu’n do gheuraich e i gu maith ’s gu ro mhaith ri Leac-na-fanoid? Theirear gu tric agus theirear le firinn nach faighear Sluagh an diugh air aghaidh an t-Saoghail, air cho beag foghluim, a labhras cho cothromach, agus a bheir uiread dearbhaidh air bhi faighinn fior [TD 292] thoilinntinn ann am maise cainnt ’us samhlaidh, ann am Bardachd ’s an Seanachas, ri Gaidheil na h-Alba. Bheireadh an dachaidh leth-oireach agus caithe-beatha chairdeil nan Ceann-cinnidh ’s nan Uaislean teangadh mhodhail ’us giulan cuirteil do’n t-Sluagh; agus thug a bhi ghnath ’g eisdeachd Bardachd ’us Sgeulachdan dèigh dhoibh air smuaintean àrd ’s air cainnt ghloin nach do dhealaich riu, ged theirig, ann an tomhas mor, na deagh chleachduinean sin. Cha robh eolas Eachainn Thiristich ro fharsuing, ach chuireadh a sheanachas, ann an urram ’s an deisead cainnt, beul-sios air moran de Sgoilearan Albainn. “CUAIRTEAR.—“An e so Eachann? “EACHANN.—’S e so fhein, le ’r cead, na tha lathair dheth; a’ bheil sibh fhein ’n ’ur slainte? “C.—Cha ’n fhaod mi bhi gearan. Co e ’n t-oganach a tha leat an so, Eachainn? “E.—Sgonn balaich a’s mac dhomh, aig a’ bheil toil seanachas a bhi aige ribh. Thainig sinn a mach á Tirithe le làn bàta, le cead duibhse, de mhucan granda; agus ma tha leth-uair an uaireadair a dh’ùin’ agaibh ri sheachnadh, tha sinn fior thoileach ’ur comhairle fhaotainn.” ’S e ’n Cuairtear, gun teagamh, a sgriobh an comhradh; ach cha ’n ’eil neach a chuala Tiristeach ri seanachas a dh’ aidicheas gu bheil maise no blas cainnt Eachainn air a meudachadh. ’S e mo bheachd gu’n dearbh ar canain air doigh no dha gur Sluagh sinn aig a’ bheil baigh ris na feartan a tha deanamh suas modh. Tha ’Ghaidhlig, gun amhurus, ’n a “Cainnt laidir, ruidhteach, is neo-liotach fuaim;” ach ’s e teisteanas Dhonnachaidh Bhain is firinniche mu fhior ghne na canain:— “A’ sugradh ’s a’ bruidhinn le cheile, A’ togail eibhnis, mir’, ’us manran; Siobhalta, farasda, beusach, Am beul gach neach a ta narach.” Bheirear air aghaidh mar dhearbhadh air modh nan Greugach cho buailteach ’s a bha iad do bhi toirt seachad am beachd air dhoigh sheimh, theagmhach, mar gu b’e ’m ’mmiann eadhon an naimhdean a thoileachadh. Tha am feart so na’s comharraichte ’s a’ Ghaidhlig na eadhon anns a’ Ghreugais. Cha ’n ’eil neach a dh’amhairceas roimh ’n Ghràmar Ghaidhlig nach faic gu bheil sinn easbhuidheach anns na doighean labhairt a dhearbhas ’s a dh’aich’eas. Cha ’n ’eil no no yes idir againn. ’S iad a’ chuid is deise de’n Bheurla; ach cha ’n fhaighear ’s a’ Ghaidhlig iad. Cha ’n abair sinn tha no bha ach ainmig; ’s e bithidh ’us bhitheadh a roghnaicheas sinn. Tha sinn teom air fiosrachadh a thoirt seachad mar gu’m b’ ann a’ feoraich a bhitheamaid. Tha sinn cleachdta bhi labhairt oirnn fein ’us air an aon ris a’ bheil sinn a’ bruidhinn mar gu’m bu neach eile bhiodh ann: “An e so Eachann? ’S e so fhein na tha lathair dheth,” &c. Tha mi meas gu bheil a’ chleachduin so ag eirigh o’n rùn a bhi cur toil neach eile an aite ar toil fein,—“ann an urram a’ toirt toisich gach aon d’ a cheile.” ’S e an aon bhuaidh inntinn a thug dhuinn na h-uiread de fhocail airson ar graidh do chach a’ cheile chur an ceill; agus gu h-araid an doigh labhairt ris an abair iad ’s a’ Bheurla Euphemism, agus ’s an aite d’ am buin mi beul-boidheach. Mar so their sinn an aite bhasaich e no dh’eug e, shiubhail e, chaochail e; agus mu neach a tha marbh, Am fear nach ’eil a lathair, Am fear nach maireann. Anns a Sgireachd ’s an do thogadh mi, ’s e A ghin mhaith a theirear ris an aon mu dheireadh de chluain uirceinean a tha, mar is trice, moran na’s lugha ’s na’s laige nan corr; agus ’s e Am bogha samhach a theirear [TD 293] ris a’ chreig air an àirde bheucas an tonn. Ach foghnadh so an traths’. Dh’fhaodte deagh leabhar a sgriobhadh air an rian so ’n ar canain ’s ’n ar litreachas. Dearbhaidh ar canain ’s ar n-Eachdraidh gu’m bu daoine modhail, cuirteil ar n-Aithrichean, ’n an cainnt ’s ’n an giulan. Anns an rathad so, codhiu, thug sinn làn umhlachd do theagasg an t-Sean-fhocail. Ach air an laimh eile, an robh sinn cho seolta ’n ar gniomh ’s a bha sinn cho modhail ’n ar cainnt? Their aon de’r Sean-fhocail, “Theid seoltachd thar spionnaidh;” agus aidichidh sinn gu bheil an radh fior. Ach a’ bheil sinn an comhnuidh ’n ar n-obair a gleidheadh na firinn air chuimhne? Theirear gu tric nach ’eil. ’S e ’m beachd cumanta mu’r Sluagh, gu bheil iad ro dhàna, ro dheas a dhol an dail cunnairt. An aite a bhi “’leum a ghàraidh far an isl’ e,” nach abrar gu tric gur ann a thaghas an Gaidheal, le comhairle shuidhichte, an t-aite ’s airde chi e, agus nach foghainn so leis, ach gu’n cuir e fein, le dhà laimh, ploc eile, gu minic, air a’ ghàradh, a chum ’s gu’n dearbh e do’n t-saoghal nach ’eil neach ann a leumas cho ard ris-san? Feudaidh e bhi gu’m faicear air uairean cuid d’er Sluagh g’ an gluasad fein air doigh leth chosmhuil ri so; ach cha saoil mi gu’n dearbh ar n-Eachdraidh, agus idir cha dearbh ar Sean-fhocail, gu’m b’e so ar cliu. Bha agus tha ar Sluagh misneachail, neo-sgathach ri uchd cruadail, agus gu ma fada bhios an cliu sin fior; ach is aon ni cunnart a choinneachadh gu calma, agus is ni eile dol g’a shireadh. Cha ’n ionann misneach ’us an-danachd. Tha ’m fior ghaisgeach glic: “Na h-iarrsa carraid nan sgiath, ’S na diult i air sliabh nan cruach,” arsa Fionnghal ri Oscar; agus co theireadh gu’n tugadh esan comhairle shuarach air “mac a mhic” as an robh uaill cho mor. Feudar a radh gur e modh ’us faicill ’n ar cainnt teagasg nan Sean-fhocal a tha buntainn ris an ni sin a tha, a reir an Abstoil, eu-comasach—ceannsachadh na teangaidh. Ach gheibh sinn teagasg eug-samhuil eadhon anns a’ chuis so. Theirear “Bagair ’s na buail,” ach a rìs, “Bruidheann bheag ’us fuaim dhorn.” Theirear gu fior “’S e glor mhilis a mheallas an t-amadan;” ach bheirear seachad mar fhreagairt “Is searbh a’ ghlor nach feudar eisdeachd.” Anns na Sean-fhocail, cha ’n fhaighear modh ’n ar cainnt air a mholadh cho tric ri faicill. Theirear “Brisidh an teangadh bhog cneath;” “’S e cordadh a reubas reachd;” ach airson faicill le ’r teangaidh tha na Sean-fhocail lionmhor agus teann. Is eigin gu’n robh an luath-bheul na bu draghaile d’ar n-Aithrichean na ’n droch-bheul: “Na h-abair ach beag, ’s abair gu maith e;” “Am fear a ghleidheas a theangaidh, gleidhidh e ’charaid;” “Bithidh breith luath lochdach;” “Is olc an teangaidh is luaithe na ’n teine;” “Ma their thu na ’s lèir dhuit, their thu na ’s nàr leat;” “Cuiridh an teangadh snaim nach fuasgail an fhiacail.” ’S e foighidinn, faicill, ’us seoltachd an àm dol an ceann gnothuich teagasg nan Sean-fhocal. Gheibhear aon no dha de chaochladh dreach,—“An ramh is faisge, imir;” “An cuirm is luaithe bhitheas ullamh, suidheamaid uile g’ a ghabhail,”—ach ’s ann gun teagamh air taobh faicill ’us seoltachd a tha chuid gu mor is lionmhoire. B’iongantach na’m biodh an t-atharrach fior. Cha mhor dhaoine aig an robh barrachd aobhair na bha aig Gaidheil na h-Alba airson earalais ’us faicill. Bha iad ré moran de’n Eachdraidh buailt- [TD 294] each do ionnsuidhean sgriosail, gun rabhadh, o’n naimhdean. Tha fathasd moran diubh aig a’ bheil gnothuch ris a’ mhuir; agus cha ’n aithne dhomh ceird a dh’iarras barrachd faicill ’us curaim a cheapadh cothroim air sruth ’s air soirbheas, na ’s trice dh’iarras barrachd seoltachd o’n luchd-obair, na ceird an iasgair Ghaidhealaich. Gheibh sinn cuid de na Sean-fhocail a’ teagasg geilleadh an uair tha cuisean a’d’ aghaidh: “Clachan dubha an aghaidh shruithean.” Bha ar n-Aithrichean teom air a bhi comharrachadh cunnart ’us amaideachd turn a ghabhail os laimh nach b’e gu ro cheart do ghnothuch, agus as nach biodh e ro fharasda faotainn ma sgaoil: “Na cuir do lamh eadar a’ chlach ’s a’ sgrath;” “Eadar long ’us lamhrig;” “Eadar an dorus ’s an ursann;” “Eadar am bogha ’s an t-sreang.” Bha ’n cothrom maith a ghabhail air a theagasg leis an deagh Shean-fhocal, “Deasail air gach ni;” ach ’s e curam ’us faicill ’us earalas bun ’us barr sgeoil nan Sean-fhocal a tha far comhair an traths’: “Fanaidh duine sona ri sith, ach bheir duine dona dui-leum;” “Cha toir thu ’n aire gus an teid bior ad’ shuil;” “Caora luideagach a theid ’s an dris, fagaidh i h-olainn ’s an dos;” “Mar is luaithe ’s faisge mhoille;” “Cha ’n e ’n ro dheifir is fearr;” “Na gearr do sgornan le d’theangaidh fein;” “Am fear nach seall roimh, seallaidh e ’n a dheigh;” “Amhairc romhad mu’n toir thu do leum.” Tha na h-earailean so cothromach, agus tha earailean de’n t-seorsa lionmhor ’n ar Sean-fhocail. Is co-ionann teagasg do mhoran de’r Sgeulachdan. Chuala sinn uile mar a thachair Diarmad ri ’bhàs. Thomhais e ’n torc, le troighibh ruisgte, o ’shoc gu ’shail, ’s cha d’fhuiling beud; ’s ann an uair a dh’fheuch e ri thomhas an aghaidh a’chuilg a reubadh a shail le mile lot. Ma bha ar Sluagh bras, dian rè ’n Eachdraidh, mar theirear gu minic a bha iad, cha b’e so teagasg a fhuair iad, ann an tomhas mor co-dhiu. Agus cha ’n ’eil mi cho cinnteach gu’n robh ar n-Aithrichean cho bras no cho dian ’s a chuirear cho tric as a leth. Fàgar orra gu bheil iad mairnealach, leisg an dara uair; agus cluinnidh sinn uair eile nach buin foighidinn no faicill d’ar daoine. Feudaidh beagan de’n fhirinn a bhi ’s an dà bheachd; ach cha ’n e ’n dara aon na n-aon eile an toll a mhill an t-seiche Ghaidhealach, ma ’s e ’s gur ann millte tha i. Tha earailean nan Sean-fhocal a dh’ainmich mi feumail, cha deanar moran rath as an eugmhais; ach tha iad easbhuidheach. Tha cainnt mhodhail ’us giulan eireachdail ’n a nithean maiseach ’us cliùiteach; ach eadhon an so gheibhear an gath an taice na meala. Feumar an comhnuidh barrachd luach a chur air Firinn na air Modh; agus mur gleidh thu meas ort fein, caillidh tu urram dhaoine eile. Tha Sodal ann an dlù dhaimh ri Modh; is ro thric a dh’fhas an Cuirtear ’n a Sgimileir. Tha faicill ’us earalas mu’n toir thu lamh air gnothuch feumail; ach cha dean faicill ’us earalas, air a meud, leo fein cliu Sluaigh a chuir am farsuingeach. Feumaidh buaidhean is airde bhi air an cleachdadh;—tuigse gheur a thaghas a chuis is glice, rùn seasmhach a chum a’ chuis a thoirt gu buil a dh’aindeoin gach grabadh a thig ’s an rathad, seoltachd a ni am feum is fearr do gach meadhon ’us cothrom air an ruig do lamh, agus dichioll nach failnich ann a bhi ’g oibreachadh a mach do rùin. Ma gheibhear na feartan so air an cleachdadh ann an tomhas riaghailteach, ’s ann dona da rireadh a tha ’n t-aite anns nach bi an Sluagh sona agus sealbhach. D. M‘K. [TD 295] ORAN MU CHALLART. AIR FONN—“Oran nighean fir Gheambail.” Mo chruit chiùil le mòrchuis dùisg, Is seinn gu siubhlach rann domh; ’S le moran muirn gun innsinn cliu Air bruthaichan lurach Challart. B’e miann gach sul ’a bhi dhut dluth, A’s tu ’n ad’ chulaidh ghreadhnach, An tùs an Og-mhios ad’ ùr chòta Lan neonain agus shobhrach. Gur boidheach grian rè fad an lò, Gu h-òrbhuidh air do chluaintean, Mar adhairc pàiltis ’taom gun aire ort Gach maise, a chualas. Gheobhadh am fear anmhann càil ’S an àileadh ghlan, gun truailleadh, Tha measg do thulmain uaine, fheoir, ’S na rosan tha mu d’ bhruachan. O! ’s beag a chailleas tu de d’ sgiamh, Ged dh’fhalbhas fiamh an t-shamhraidh, ’S gach craobh dhiot snuaghmhor leis an uaine Tha suaicheanta le seorsa; Bagailtean ruiteach air caoran, ’S fraoch na chulaidh bhainnse; ’S ged thig le gruaim a ghaillionn fhuar Cha luidh ort tuar a gheamhraidh. ’S ann air do phaircean molach feoir, Is lodail a bhios cruachan, Is air de dhailtean bhios an t-arbhar, Diasach, tarbhach, smuaiseach; Mnaithean gu luinneagach, gniomhach, Leagadh sios na ’n sguab dheth, ’S an fhuil chraobhach le teas iomairt A mire na ’n gruaidhean. S gur bliochdar, laoghmhor, torrach, Do mhonaidhean sgiamhach, Feurach, fuaranach gach coire, ’S am faighte am fiadhach; Tarmanaich na ’n creachan fuara, An coileach ruadh, ’s an liath chearc, ’S air do shealgair dol ri d’ gharbhlach Cha bhiodh fhalbhan diomhain. B’e ceol mo ghaoil a bhi mu d’ raoin, Ag eisdeachd laoidh na ’n alltan, Cruitearachd mhilis an loin-duibh, ’S oraidean na smeoraich, Uiseag dortadh o’ na neoil oirnn Orain nach ’eil cainnt orr’, ’S i mar gun cual i ponc na dhà O chlarsaichean na ’n ainglean. S’ ann air do lar tha ’n aitreabh aillt’ S am faighte gradh ’us faoilteachd, Bhiodh ceol na piob, is cuirm gun dìth ’S an aros ghrinn ri fhaotainn, Aig sliochd nan armunn b’iad ’s an arfhaich Meangain ard nan laochraidh, Ursannan catha na gaisge ’S brataichean ga ’n sgaoileadh. Cha b’ann mar rainich no luachair, Rinn air n-uaisle cinntinn, Daragan aosmhor na h-Alba, B’ ainmeil anns gach linn sibh; Ceannardan buadhmhor ’n am feachdaibh Mu ’m bheil eachdraidh sgriobhte, A leanadh tre dheuchainn an ceartas, ’S g’am bu reachd an fhirinn. S ged dh’ fhalbh na daragan rioghail, ’Sheasadh sinn ’n ar cruadal, Dh’ fhag iad na plurain, Is fiughala buadhan; Rosan air broilleach a cheutain, ’Chinn o gheugaibh uaibhreach, S o ’n dean fhathasd fiurain eiridh, Le treine an dualchais. ’S c’uime dh’fhagainn thu gun rann, A bhaintighearna tha statail; ’S gar culaidh dhusgadh Bard gu buaidh, Do bhuadhan-sa g’a n-aireamh, A bhean is rioghala de d’fhine, Ri d’chinneadh ’s ri d’ chairdean, Iochdmhor ri aosmhor ’us ainnis, ’Us tairis ri annrach. Dhomh cha b’ fhuar bhi nochd ad’ choir Am shuidh’ aig bord na fialachd; Is tu mar chleachd le faoilteachd mhor Is grinneas corr g’a riaghladh, Gu furanach, aoidheal, cairdeal, Uasal, gradhach, fiachail, S gur tric fhuair aimbearteach a lòn O ’n laimh le ’n deoin a bhiatachd. ’S o na dh’ fhag mi tir mo ghaoil Gur ioma taobh bha m’ fhalbhan An t-Suain, ’us Lochluinn, ’s an Ollaindt, An Fhraing mhor, ’s a Ghearmailt; Cha shasuich am breaghad mo shuil, Ged ’s pluranach neo gharbh iad, ’S mi cuimhneachadh t-fhalluin ’s a cheutain, Le seudan a’ dealradh. MAIRI NICEALLLAIR, Air bord na “Gleann-comhan.” Mios a Mhairt, 1872. [TD 296] COMHRADH EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—“Ciod a chuir co moch air do chois thu, a’ Choinnich; An dh’ fhuair thu deagh fhois an ràoir, an deigh gach allabain agus sgiòs a dh’fhuiling thu?” COIN.—“Tha aobhar agam a bhi tàingeil, oir cha do dhuisg mi rè na h-òidhche, agus cha do charaich mi gus an cùala mi am buachaill a’ cur a’ chruidh a mach, air chor is gu’n d’ thug mi deagh cheartas do’n chadal.” M.—“Feùmaidh an duine tàmh na h-òidhche fhaotuinn, a’ Choinnich, oir mar faigh, cha chomas da gach dleas’nas a dheanamh air mhodh iomlan, aon chuid air son an t-saoghail a ta’ làthair, no an t-saoghail a ta chum teachd. Is mòr am beannachd an oidhche, mar an t-àm a’s freagarraich’ air son tàimh agus foise.” C.—“Ro cheart, a’ Mhurachaidh, agus is mòr an t-aobhar tàingeileachd a ta againn le chéile gu’m bheil slàinte agus gach sochair eile againn, chum gu’m feùd sinn an fhois sin a shealbhachadh air son ar leas fein. Tha mòran ann, gidheadh, d’an do dhiùltadh am beannachd mòr so,—mòran a ta fo thrioblaid agus thinneas, air an lùasgadh a nùll agus a nàll rè na h-òidhche, a’ miannachadh gu’n tigeadh solus an latha, air doibh a bhi gu searbh air an claoidh.” M.—Cha’n ’eil teagamh air sin idir, a’ Choinnich, agus Ochan! is lionmhor eiseimpleir a ta againn air sin. Tha ban-choimhearsnach againn ann so, nighean do Fhear-na-Cùile, agus cha do chuir i car ceart dhi o cheann da fhichead bliadhna air ais. Tha i gach là ag éiridh agus a gluasad air feadh an tighe, ach rè na h-ùine sin, cha du chuir i car slàn dhi; agus an déigh sin, tha i suilbhear, sona, a’ cur a dòchais anns an t-Slanuighear bheannaichte, agus ann am firinnibh an t-Soisgeil.” C.—“Is miorbhuileach cumhachd nan Sgriobtuir, a’ Mhurachaidh! Is e am Biobull an Leabhar a’s iongantaich’ a chunncas riamh air ùachdar na talmhainn! Chan’ ’eil coimeas idir aige!” M.—Gun teagamh, a’ Choinnich, cha’n ’eil Leabhar ann cosmhuil ris, ni mò tha Bith eile ann cosmhuil ri Ughdar mòr an Leabhair Naoimh sin, eadhon an Ti Uile-ghlice agus thròcaireach a dheachd e le’ Spiorad Naomh fein. Tha’m Biobull ’na Leabhar gu’n choimeas, mar a thubhairt thu fein agus thugamaid buidheachas d’ar n-Athair Neamhaidh fein, a thug dhuinn e mar lochran d’ar cois, agus mar sholus d’ar céum. Feùmaidh sinn seasamh dlùth agus daingean ri Focal Dé. Is e ar dleas’nas agus ar buannachd a rànnsachadh gu tric, gu dùrachdach, agus le h ùrnuigh. Tha toil Dé air a foillseachadh ann, agus tha e toirt fiànuis air Criosd an t-aon Slanuighear. Ge b’e ciod an staid anns am bheil sinn air ar siudheachadh,—ge b’e ciod na déuchainnean a thig ’nar car,—ge b’e ciod na dleas’nais a tha againn ri chur an gniomh, na cailleamaid sealladh dhe’n Bhiobull, Biodh e againn ’na chompanach gu’n dealachadh, agus ’na chomhairliche d’an toir sinn geill. Ged a chuireamaid cùl ris gach ni eile, dluthleanamaid ris-san. Biodh e leis gach aon againn air a chreidsinn, air a rannsachadh, agus air a ghràdhachadh, agus bithidh sinn sona. Is solus e d’ar n-anamaibh,—is stéigh e d’ar n-aoibhneas,—is bunait e d’ar dòchas,—agus is tobar e as am fèud sinn gu leir uisgeachan na beatha agus na slàinte a tharruing gach là.” C.—“Is taitneach do bhriathran, [TD 297] a’ Mhurachaidh, agus is iad sin na nithe air am bu chòir duinn a bhi ’beachd-smùaineachadh mar so air an t-Sàbaid, agus cha’n ann air nithibh faoin agus sgàileach an t-saoghail aingidh so.” M.—“Tha àm ann air son ’nan uile nithe, a’ Choinnich, mar a ta an duine glic ag ràdh ‘Aig gach ni tha tràth, agus àm aig gach rùn fuidh néamh. Am gu bhi air ar breith, agus àm gu bàs fhaotuinn; àm gu marbhadh, agus àm gu leigheas; àm gu briseadh, agus àm gu togail suas; àm gu gul, agus àm gu gàire; àm gu caoidh, agus àm gu dannsadh; àm gu cosnadh, agus àm gu càll.’ Seadh, tha tràth aig gach ni fo’n ghréin, ach chan’ ’eil àm agus uairean naomha na Sabaid freagarrach gu bhi ’labhairt mar bu mhiann leatsa, a’ Choinnich, mu na sithichean agus gach gleòrmas eile air an d’ thug sinn ’nar dithis iomradh gu trice. Chan’ ’eil idir. Biodh a dhlea’snas fein aig là an Tighearna araon a’m follais ’san uaigneas, agus air an Là sin deanamaid seirbheas dhligheach Dhà-san a ta ’gar cumail suas.” C.—“Tha do theagasg, a’ Mhurachaidh, ceart co fior agus fallain ’s ged a thigeadh e à béul seann mhinisteir na sgìreachd, dh’ ionnsuidh an d’ thèid sinn chum éisdeachd d’an eaglais an diugh. Ach nach àluinn am Biobull mòr a th’ agad ann so, a’ charaid, co làn dhealbh, co h-òirdheire air a cheangal, agus co soilieir ’sa chlodh-bhualadh! Ach ciod an leabhar so a ta ’na mheadhon ris an abrar an Apocripha? Cha’n fhac mi an earrann sin dhe’n Bhiobull riamh.” M.—“Cha bhuin an Apocripha do’n Bhiobull idir, a’ Choinnich, ged is minic tha e air a cheangal suas maille ris. Tha diadhairean agus daoine foghluinte a’ deanamh mach, nach ’eil e air a dheachdadh agus air a bheannachadh leis an Spiorad Naomh mar leabhraichean eile nan Sgriobtuir, ged tha deagh léughadh ann am mòran deth.” C.—“Feudaidh sin a bhith, ach cha chual mi riamh iomradh air gu so, a’ Mhurachaidh, agus cha’n ’eil là a dh’ éireas duine nach fhaic e ni air chor-eigin nùadh. Bu mhaith leam, gidheadh, beagan dhe’n Apocripha a chluinntinn.” M.—“Ma ta, a Choinnich, dean suidh gu stolda, agus leughaidh mise dhuit eachdraidh ro ghrinn as an leabhar sin, ris an abrar ‘eachdraidh Shusanna;’ agus bheir mi dhuit ann an Gaelig i, cainnt do mhathar fein.” C.—“Ro mhaith, a’ Mhurachaidh choir, ro mhaith, cluinneamaid i.” M.—“Eisd, ma ta, gu curamach, a’ Choinnich, agus mo làmh-sa gu’n taitinn an eachdraidh riut, a ta ’dol air a h-aghaidh mar a leanas.” EACHDRAIDH SHUSANNA. 1. Bha duine a’ chòmhnuidh ann am Babilon, d’am b’ ainm Ioacim. 2. Agus ghabh e bean, d’am b’ainm Susanna, nighean Chelciais, boirionnach ro mhaiseach, agus neach air an robh eagal an Tighearna. 3. Bha paranta mar an ceudna ionraic, agus theagaisg iad an nighean fein a reir lagha Mhaois. 4. A nis, bha Ioacim ’na dhuine mòr, saibhir, agus bha gàradh taitneach aig a’m fochair a thighe; agus airsan bha na h-Iudhaich a’ taoghal do bhrigh gu’n robh e nis’ urramaiche na càch air fad. 5. Air a’ bhliadhna chéudna chaidh dithis do sheanairibh an t-sluaigh a shònrachadh gu bhi ’nam breitheamhnaibh, a leithid ’s mu’n do labhair an Tighearna, gu’n d’ thàinig aingidheachd Bhabilon o na seann bhreitheamhnaibh, a ghabh orra fein an sluagh a riaghladh. [TD 298] 6. Thaoghail iad sin gu mòr air tigh Ioacim: agus thàinig iadsan uile aig an robh cùisean lagha d’an ionnsuidh. 7. A nis, an uair a dh’ fhalbh an sluagh aig meadhon an latha, chaidh Susanna dh’ ionnsuidh gàraidh a fir-posda a ghabhail sràide. 8. Agus chunnaic an dithis sheanair i a’ dol a steach gach là, agus a’ sràid-imeachd; air chor is gu’n robh an ana-miann air a lasadh d’a taobh. 9. Agus thruaill iad an inntinn fein, agus thionndaidh iad air falbh an sùilean fein, chum nach sealladh iad gu néamh, agus nach ciumhnicheadh iad ceart-bhreitheanasa. 10. Agus feùch, bha iad nan dithis air an lotadh le a gaol, gidheadh cha robh a’ chridhe aig an aon a dhòlas a nochdadh do’n aon eile. 11. Oir bha nàir orra an ana-miann fein a chur an céill gu’n robh iad a’n geàll gnothuch a bha aca rithe. 12. Gidheadh rinn iad faire gu dichiollach o là gu là ann a bhi ’ga faicinn. 13. Agus thubhairt an t-aon ris an aon eile, Rachamaid a nis dachaidh, oir tha e tràth-dinneir. 14. Mar sin, an uair a chaidh iad a mach, dhealaich iad o chéile, agus a’ pilltinn doibh a ris, thàinig iad do’n cheart àite, agus an déigh dhoibh an t-aobhar fhoighneachd de aon a’ chéile, dh’ aidich iad an ana-miann fein; an sin shèamaich iad le chéile àm, an uair a gheibheadh iad i leatha fein. 15. Agus thachair e, an uair a bha iad a’ feitheamh air son àm’ freagarrach, chaidh ise a steach mar a b’ abhaist, le dithis bhan-òglach a mhàin, agus bha i togarrach air i fein ionnlad anns a’ ghàradh; oir bha e blàth. 16. Agus cha robh neach sam bith an sin ach an dithis sheanair, a dh’ fholuich iad fein agus a rinn faire oirre. 17. An sin, thubhairt i ri bàn-òglachaibh, Thugaibh d’am ionnsuidh oladh agus peileirean-ionnlaid, agus druidibh dorsan a’ ghàraidh, a chum gu’n ionnlad mi mi fein. 18. Agus rinn iad mar a dh’ iarr i orra, agus dhruid iad dorsan a’ ghàraidh, agus chaidh iad fein a mach air dorsaibh uaigneach, a dh’ fhaotuinn ’nan nithe a dh’ àithn’ i dhoibh: ach cha’n fhac iad na seanairean, do bhrigh gu’n robh iad folluichte. 19. A nis, an uair a chaidh na bàn-oglaich a mach, dh’ éirich an dithis sheanair suas, agus ruith iad d’a h-ionnsuidh, ag ràdh. 20. Féuch, tha dorsan a’ ghàraidh air an druideadh, air chor is nach faic neach sam bith sinn, agus tha gaol againn ort; uime sin, aontaich leinn, agus luidh maille ruinn. 21. Oir mar dean thu sin, togaidh sinn fianuis ’a’d’ aghaidh, gu’n robh oganach maille riut; agus gu’n do chuir thu, uime sin, do bhàn-òglaich air falbh uait. 22. An sin rinn Susanna osnadh, agus thubhairt i. Tha mi air mo theannachadh air gach taobh; oir ma ni mi so, is bàs domh e; agus mar dean mi e, cha chomas domh a dhol as o bhur làmhaibh-sa. 23. Is fearr domh tuiteam ’n’ur làmhaibh-sa, agus gu’n sin a dheanamh, na peacachadh ann an sealladh an Tighearna. 24. Le sin ghlaodh Susanna le guth mòr; agus ghlaodh an dithis sheanair ’na h-aghaidh. 25. An sin ruith an t-aon, agus dh’ fhosgail e dorus a’ ghàraidh. 26. Uime sin, an uair a chùal seirbhisich an tighe an glaodh anns a’ ghàradh, léum iad a stigh air dorus uaigneach a dh’ fhaicinn ciod a rinneadh oirre. 27. Ach an uair a chuir na sean- [TD 299] airean an cùis fein an céill, bha na seirbhisich gu mòr fo nàire: oir cha d’ rinneadh a leithid sin do sgeul riamh mu Shusanna. 28. Agus thàinig e gu crìch air an ath là, an uair a chruinnich an sluagh dh’ ionnsuidh Ioacim a fir-pòsda, thàinig mar an ceudna an dithis sheanair làn do droch ìnnleachd an aghaidh Shusanna chum a cur gu bàs; 29. Agas thubhairt iad an làthair an t-sluaigh, Cuiribh fios air Susanna, nighean Chelciais, mnaoi Ioacim. Agus mar sin chuir iad fios oirre. 30. Uime sin thàinig i maille r’a h-athair agus a màthair fein, a clòinn, agus a cinneach uile. 31. A nis bha Susanna ’na boirionnach ro mhallta, agus maiseach ri h-amharc. 32. Agus dh’ òrduich na daoine aingidh sin a h-aghaidh a leigeadh ris, (oir bha i air a còmhdachadh) chum gu’m biodh iad air an lionadh le a maise. 33. Uime sin ghuil a càirdean, agus iadsan uile a chunnaic i. 34. An sin sheas an da sheanair suas ann am meadhon an t-sluaigh, agus chuir iad an làmhan air a ceann. 35. Agus sheall ise, a’ gul, suas gu neamh; oir chuir a cridhe dòchas anns an Tighearna. 36. Agus thubhairt na seanairean, An uair a bha sinne a’ sràid-imeachd leinn fein anns a’ gharadh, thàinig am boirionnach so a steach le dithis bhanòglach, agus dhùin iad dorsan a’ ghàraidh, agus chuir i a ban-òglacha air falbh. 37. An sin thàinig òganach, a bha an sin folluichte, da’ h-ionnsuidh, agus luidh e maille rithe. 38. An sin, air duinn a bhi ’nar seasamh ann an oisinn a’ ghàraidh, a’ faicinn na h-àingidheachd so, ruith sinn d’an ionnsuidh. 39. Agus an uair a chunnaic sinn cuideachd iad, cha b’ urrainn sinn am fear a chumail; oir bha e ni bu treasa na sinne, agus dh’ fhosgail e an dorus, agus léum e a mach. 40. Ach air glacadh a’ bhoirionnaich so dhuinn, dh’ fhòighneachd sinn cò an t-òganach a bh’ ann, ach cha’n innseadh i dhuinn: air na nithibh sin tha sinne a’ togail fianuis. 41. An sin chreid a’ mhòr-chuideachd iad, mar iadsan a bha ’nan seanairibh agus ’nam breitheamhnaibh do’n t-sluagh: uime sin, dhìt iad gu bàs i. 42. An sin, ghlaodh Susanna a mach le guth mòr, agus thubhairt i, O Dhé shiorruidh, da’n aithne na diomhaireachdan, agus aig am bheil fios air na h-uile nithe mu’m bi iad ann; 43. Tha fios agadsa gu’n do thog iad fianuis bhréige ’na m’ aghaidh; agus féuch, féumaidh mi am bàs fhaotuinn; ged nach d’rinn mi riamh a’ leithid do nithibh ’sa dhealbh na daoine sin gu h-aingidh ’nam aghaidh. 44. Agus chùal an Tighearn a guth. 45. Air an aobhar sin, an ùair a thugadh a mach i gu bhi air a cur gu bàs, thog an Tighearna suas spiorad naomh duine a bha ro òga, d’am b’ ainm Daniel; 46. A ghlaodh le guth mòr, Tha mise saor de’n fhuil aig a’ bhoirionnach so. 47. An sinn thoinndaidh an sluagh uile iad fein d’a ionnsuidh, agus thubhairt iad, Ciod a’s ciall do na briathraibh sin a labhair thu? 48. Uime sin, a deir esan, a’ seasamh ’nam meadhon, Am bheil sibhse, a mhic Israeil, a leithid de dh ’amadanaibh, ’s gu’n do dhìt sibh nighean do dh’ Israel, gu’n cheasnachadh, agus gu’n eòlas air an fhirinn? 49. Pillibh a rìs gu àite a’ bhreith- [TD 300] eanais: oir thog iad fianuis bhréige na h-aghaidh. 50. Uime sin, phill an sluagh gu léir a rìs le cabhaig, agus thubhairt na seanairean ris, Thig, agus dean suidh maille ruinn, agus nochd dhuinn e, do bhrigh gu’n d’ thug Dia urram seanair duit. 51. An sin thubhairt Daniel riutha, Cuiribh an dithis sin air leth, an t-aon fad o’n aon eile, agus ceasnaichidh mise iad. 52. Mar sin an uair a dhealaicheadh iad, an t-aon o’n aon eile, ghairm e air aon diubh, agus thubhairt e ris, O thusa a ta air fàs aosda ann an aingidheachd, a nis a ta do pheacanna a rinn thu roimh so, air teachd chum an t-Soluis: 53. Oir thug thu a mach breitheanas eùcorach, agus dhìt thu an neo-chiontach, agus leig thu leis a’ chiontach dol gu saor; gidheadh a deir an Tighearna, An neo-chiontach agus an t-ionraic na màrbh. 54. A nis uime sin, ma chunnaic thu i, innis domh, Ciod a’ chraobh fo’m faca tu iad ann an comunn a’ chéile? Fhreagair e, Fo chraobh-mhastic. 55. Agus thubhairt Daniel, Gu ro mhaith; rinn thu bréug an aghaidh do chinn fein: oir eadhon a nis fhuair aingeal De órdugh Dhé chum do ghearradh’ nad ’dhàleth. 56. Mar sin chuir e gu taobh e, agus thug e àithne an duine eile a thoirt air aghaidh, agus thubhairt e ris, O thusa a shiol Chanaain, agus ni h-eadh Iuda, mheall maise thu, agus thruaill ana-miann do chridhe. 57. Mar so bhuin sibh ri nigheanaibh Israel, agus a thaobh eagail chum iad comunn ruibh; ach cha’n fhuilingeadh nighean Iuda bhur n-aingidheachd. 58. A nis uime sin, innis domh, Ciod a’ chraobh fo’n do ghlac thusa iad ann an comunn r’a chéile? Fhreagair e, Fo chraobh-tuilme. 59. An sin thubhairt Daniel ris, Ro mhaith; rinn thusa mar an ceúdna bréug an aghaidh do chinn fein: oir tha aingeal an Tighearna a’ fantuinn leis a’ chlaidheamh chum do ghearradh ’nad’ dhà leth, chum gu’n sgrios e thu. 60. Le sin ghlaodh an coimhthional uile a mach le guth mòr, agus mhol iad Dia, a thearnas iadsan a dh’ earbas as. 61. Agus dh’ éirich iad an aghaidh an dithis sheanair, oir dhìt Daniel iad air son fianuis bréige le’m béul fein: 62. Agus a rèir lagha Mhaois rinn iad d’an taobh-san air a’ cheart seòl is a rùnaich iad fein gu h-aingidh a dheanamh a thaobh an coimhearsnaich fein: agus chuir iad gu bàs iad. Mar so chaidh an fhuil neo-chiontach a theasairginn an là sin fein. 63. Uime sin mhol Celcias agus a bhean fein Dia air son na nighinn aca Susanna, maille ri Ioacim a fear-posda, agus an cinneach gu léir, do bhrigh nach d’ fhuaradh eas-onoir sam bith innte. 64. O’n là sin a mach bha Daniel fo chliù mòr ann an sealladh an t-sluaigh. COIN.—“Gu cinnteach, a’ Mhurachaidh, tha’n eachdraidh sin, mar a thubhairt thu, d’a rireadh taitneach; ach, O! nach b’ iad na h-éucoraich na seanairean, ach dh’ fhoghainn Daniel dhoibh, agus thoill iad e. Ach cò a chuir an eachdraidh sios mar sin ann an Gaelic?” M.—“Cò ach do sheann charaid an Sgiathanach, mu’n robh barail agad gu’n robh seillean ’na cheànn, a thaobh gach cunntais a thug e air na réultaibh ’nan cuairtibh, agus air lionmhorachd nithe dhe ’n ghné sin, do nach b’ urrainn thusa creideas sam bith a thoirt. Ach, le beannachd, rachamaid dh’ionnsuidh na h-eaglais, oir tha ’n uair a’ tarruing [TD 301] am fagus. Faigh do bhata, a’ Choinnich, agus falbhmaid.” ALASDAIR RUADH. SGIALACHD ÆNEAIS LE VIRGIL. Eadar-theangaichte o’ n Laidinn gu Gailig le D. B. B. (Air a leantuinn.) Carson a dhiùlt thu dhòmhsa ’n tras Gu’n glacainn do làmh am dheis? Gu’n cluinninn do bhriathran fior ’S gu’m freagairinn a rìs air m’ ais?” So ghearain e ’s thionndaidh a chùrs’ Gu baile nam mùr ’s nan slògh. Ach dh’fhalaich Venus iad le chéil ’G an éideadh le earradh ceò, Sgaoil i ùmpa ceathach dluth Gu’n ceiltinn bho shùil gach neach, Mu’m bacadh ’s mu’m beanadh dhaibh làmh A’ foighneachd cion fàth an teachd. Dh’ fhalbh i fein air sgéith gu h-àrd Gu Paphos a h-ionad-rùin, A’s ràinig i teampull a gràidh An t-Aros san robh a h-ùigh, Ceud altair tha ’n sin fo smùid Le tùis bho Sheba an àigh, A’s crun orra de lusan ùr Cur faile chùbhraidh feadh gach àit. Dh’ imich iad an sin le cheil An taobh a nochd an ceum an ròd, A’s dhirich iad mullach an tuim A bha os ceann a’ bhaile mhòir, A bha ’g amharc sios bho’n àird Air gach bàbhuinn a bha thall, Na caisteil ghreadhnach a bha ’n àit Nam bruchlagan gràd a bh’ ann. Na geatachan ’s na sràidean réidh B’ ioghnadh le Æneas còir, Othail a’s farum nan daoin’, A’s saothair gach aosd a’s òg, Na Tiorraich bha ’g obair le sùrd A’ togail nan tùr bho’n bhonn, A’ sineadh a’ bhalla mu’n cuairt ’S a’ tionndadh chlachan cruadha trom. ’N uair thaghas fear làrach d’ a thigh Grad-iadhar i stigh le clais; Tigh-seanait agus tighean-mòid Chuireadh an òrdugh gu cas. Tha cuid ag oibreachadh le fonn Cur caladh nan long air seòl; Tha cuid a’ togail thighean-cluich Gu fearas-chuideachd agus ceòl: Chithear cuid air feadh nan creag A’ gearradh nan clach le neart, ’N an carraighean mora grinn Chur mais air an linn ri teachd. Mar shaothair nam beach ri gréin Feadh rosan air reidhlein glinn, Aig toiseach an t-samhraidh nuaidh ’N uair chuirear fo ghluais an linn; Faosgaidh an t-al òg ’n an deann Le srannraich a mach bho’n sgeap, A’s taisgidh iad stor meala suas An ciribh cuaicheanach mu seach; ’N uair thig iad le soireachan làn Gabhaidh càch an eallach dhiubh, A’s fògraidh iad a mach gun iochd Na seilleanan leisg nach fiù; Gach seillean ri h-obair le sùrd, A’s boltrach cubhraidh de ’n mhil. “O! is sona da rireadh an sluagh Tha ’g obair cho cruaidh ’s cho dil!” So labhair Æneas, an sonn, ’N uair sheall e nunn air na tùir; Bha inntinn le h ioghnadh làn A’faicinn nan àros ùr. ’Na earradh miorbhuileach de neul, Chaidh e féin am measg nan daoin’: Chunnaic e ’s choinnich gach neach, ’S cha’n fhacas esan le h-aon. Am meadhon a’ bhaile steach, Tha doire a’ s taitniche sgàil, Fhuaras ann ceann eich fo ’n ùir Ag cladhach air tùs ’s an àit; ’N uair bha na Puinnich air an claoidh Le gaoith a’s le tuinn a’ chuain, Thug Iuno dhoibh comharradh cinnt Mar mhanadh na sith ’s na buaidh: Gu’m biodh am fine ro threun Gu cogadh an streup nan lann; A’s iomraiteach bho linn gu linn A’s buadhach gu crìch gach am. Chuir Dido do Iuno suas Teampull mòr buan ’s an àit; Bha dealbh na bain-dé daonnan ann, A’s tabhartais nach gann gach lá; Bha staidhir na stairsnaich de phrais, Na sailthean le prais bha snaimt’; A’s chluinnteadh dorsan prais ri fuaim Air lùdagain chruaidhe toinnt’; ’S an doire so chunncas rud ùr A chiùinich eagal nan sonn; Ghlac Æneas misneach mhòr Dh’ ath-bheothaich dòchas ’n a chom. Dh’ fhas earbsa nise na bu mhò Ri furtachd bho gach dòruinn chruaidh; Oir ’n uair a dh’ fheith e aig an àit Gus an tig a’ bhàn-righ’nn suas; Sheall e air gach ni bha steach ’S an teampull mhor fharsuinn réidh, Sonas a’ bhaile ’s an luchd-ceàird, A’s obair an làmh gu léir; Chunnaic e cathan na Tròidh, An cogadh mòr an òrdugh sios, Chaidh iomradh air tre ’n chruinne-ché Tre ’n domhan gu léir gu chrìch; Sheall e mic Atreuis chruaidh A’s Priam righ na gruaige lèith, A’s Aichioll mòr borb nam fraoch Bha ascaoin ris na laoich le chéil. [TD 302] Sheas e le h-ioghnadh ’s an àit, Ri Achates thuirt le deoir: “Cia ’n t-ionad no’n t-àite fo’n ghréin Nach d’ ràinig an sgeula bròin! Faic Priam aosda! Bheirear duais Do dh-éuchdaibh buadhach an so fòs; Silear deòir an so gu pailt Le cridheachaibh bhios tais ri leòn; Cuir d’ eagal air falbh gu grad Glac misneach bho’n t-sealladh nuadh, Thig furtachd thugainn agus fòir Bho eachdraidh dhòinich ar truaigh.” Labhair e mar so gu sèimh A’s bheachdaich geur air gach dealbh, Le osna thruim bho ghrùnnd a chléibh, Fhliuch e ghnùis le deuraibh searbh. Chunnaic e gaisgich na Gréig A’ teicheadh ’n an leum mu Thròidh; Oigridh Thròidh ’g an ruith gu dian Tarsuinn air fiaradh an lòin. Laochraidh Phruigia a ris A’ dian-ruith gu lèir ’n an deann; Aichioll le ceann-bheairt nan seòc ’N a charbad air an toir gu teann. Dh’ aithnich e ’s e sileadh dheur Buthan Rhesuis faisg air laimh, Cainb gheal mar shneachd nam beann An crochadh os an ceann gu h-àrd. A cheud oidhche chaidh am brath, Mac Thuide chreach e iad gun truas; Lion e iad le mort us àr ’S chuir mòran gu bàs de’n t-sluagh. Na h-eacha meamnach thug e nùnn Gu camp Greugach nan lann cruaidh, Mu’n d’ fhuair iad blas air feur na Tròidh, ’S mu’n d’ ol iad uisge Xanthuis luath. ’S an teampull an àit air leth Troilus bha ruith ’n a dheann, Chaill e ’airm, an t-òg gam rath Chaidh chath ri Aichioll nan greann. An carbad tharruinn na h-eich ’S e crochte ris air a dhruim, Iall nan srian gu teann ’n a làimh Fhalt a’ sguabadh làr an fhuinn, A mhuineal shlaodadh air an làr, A’ ghainneamh sgriob bàrr na sleagh; Thorchradh a chneas leis an lainn, A’s thainig i tre dhruim a muigh. Chaidh maithrichean Thròidh ’n an sgann Gu teampull Phallais gun bhàigh, Am falt sgaoilte sios mu’n cluais ’S an Fhalluinn Bhuaidheil ac’ ’n an laimh: Ag achanaich gu brònach truagh ’S a’ bualadh an uchd gu trom; A’ bhain-dia fheargach fo ghruaim Ag amharc gu duairce crom. Tri uairean shlaod Aichioll cruaidh Corp Hectoir nam buadh ’s nan stri, Mu’n cuairt air ballachaibh Thròidh, A’s reic e air son òir e ris. Rinn Æneas osnaich ghoirt ’N uair chunnaic e’n corp ’s am faobh, ’S an carbad bu le charaid gràidh An làmhan Aichill nam fraoch. A’s Priam a’ togail a làmh Gun airm mar b’ abhaist ’n a dhòrn; ’N uair sheall e dh’ aithnich e e fein Measg ceannard nan Greugach còrr; Armailtean na h-Airde near Dh’ aithnich e iad sin gu léir; Airm Mhemnoin dhuibh, sonn an àigh A thainig bho éirigh grein; Penthesil, an goil a fraoich, Armailt nam Ban-laochraigh stiùir, Le ’n targaidibh leth-chruinn mar ré ’N uair chithear i ’s an speur as ùr; A’ Bhan-ghaisgeach threun nach fann, Chiteadh bhos us thall gu luath, Le mire-chath bho reang gu reang, A’ ruith ’n a deann am measg an t-sluaigh; Cheangal i do réir a nòis Crios de ’n òr fo broilleach lom: Bu dana misneachail an òigh, Oir chum i còmhrag ris gach sonn. ’N uair bha e beachdachadh gu dlùth Air gach ioghnadh bha ’s an àit, A’ gabhail iongantais nach gann, Gun ghluasad air ball no làimh, Thainig Dido suas gun dàil A’ bhàn-righ’nn a b’ àillidh snuadh, Bannal lionmhor aig a taobh De dh’ oigridh aobhach gun ghruaim. Cosmhuil ri Diana mhoir Aig abhainn Eurotais nam bruach, No firichean Cynthus Chuintis àird A’s còisridh a graidh mu’n cuairt; Miltean Oigh-dhé nam beann Ri taobh a’ dannsadh ’s a’ leum; Balg-shaighead air a guailnibh àigh, ’S i toirt bàrr air càch gu léir. Is mòrdhach a triall air feur, ’S a cridhe ri fri-leum gu luath Le h-aoibhneas diomhair ’n a com, Latona nam fonn ’s nan ruag; B’amhluidh Dido ’s b’amhluidh ceum, Aoibhinn am measg cheudan òigh, A’ greasad na h-oibre gu crìch Am baile na rioghachd moir’. Aig dorus an ionaid naoimh, Am meadhon an teampuill mhòir, Shuidh Dido air cathair àird, A saighdearan mar gheard d’a còir; Thug i’n sin air cùisibh breth A’s dhaingnich i ’n reachd gu teann; An obair roinn i do gach neach ’G a tarruinn a mach le crann. ’N sin chunnaic Æneas gu grad Fir na Tròidh a’ teachd ’n an sgaoth, Serghestes agus Antheus còrr ’S Cloanthus mòrdhalach an laoch; Sgapadh iad le doruinn chruaidh ’G am fuadach a null ’s a nall; B’ ioghnadh le Æneas caomh Gu’m fac e luchd a ghaoil ’s an àm: [TD 303] Lionadh Achates an sàr Le geilt a’s gàirdeachas le chéil; A’s mhiannaich an sin gun dàil An càirdean fhàilteachadh gu léir. Bha ’n inntinn fo bhruaidhean mòr A chionn nach b’ eòl doibh cia mar bha; Ach dh’ fhuirich iad fo’n earradh ceò A dh’ fholaich iad mar chleòc le sgàil. Bheachdaich iad gu geur an sin A dh’ fhiosrachadh mu chor nan sonn, Carson a thàinig iad an tràs, No càit an d’ fhàg iad an cuid long; Oir thaghadh buidheann as gach luing A dh’ aslach caoimhneis agus truais; A’s ràinig iad teampull an àigh Le co-ghair a b’airde fuaim. (Ri leantuinn.) AN TUAIRISGEAL.* BHA righ Eirionn ann roimhe so, agus cha robh aige ach aon mhac. Chuir e roimhe làn ionnsachadh, mar a thigeadh do mhac righ, a thoirt dha air gach oilein a bha dol ri a linn. H-uige so chuir e seachd bliadhna shlàn do’n sgoil e, ’s bha e bliadhna aig an tigh. Chuir e seachd bliadhna eile ann e, agus thug e amhuil sin bliadhna shlàn aig an tigh. Chuir e rithist seachd bliadhna eile ann e, agus bha e an sin ullamh ionnsachaidh. Thog an righ, an gleann monaidh, caisteal briagha anns an robh sia faraidhnean air àirde, agus an uair a thàinig an gille dhachaidh, thug e dh’ fhaicinn a chaisteil e. Bha iad a’ sealltainn air an tigh, agus an tionndadh na boise, ghèarr an gille cruinn-leum agus bha e shuas air an fharadh a b’ àirde. An uair a thàinig e nuas thill ’athair ’s e fhein dhachaidh. Thaitinn an caisteal gu h-anbarrach math ris a’ ghille, ach cha do leig e sin air ri ’athair, agus an lairna-mhàireach, is e a bh’ ann gu ’n d’ thug e an gleann air. Choinnich òlach ceannruadh anns a’ ghleann e aig a’ chaisteal agus thuirt e ris: * Angus Mackay, Galmasdale, Eigg, reciter.—ABRACH. “An cuir thu cluith air an tàileasg an diugh, a mhic righ Eirionn?” “Cuiridh, cuiridh, carson nach cuireadh ann an rìgheachd m’ athar ’s mo sheanar,” osa mac an righ. Thòisich iad air an tàileasg, agus bha iad ag iomairt air bho éirigh gu laidhe na gréine, agus chaidh an cluith air an Olach Cheannruadh. “Tog dhiam buaidh do chluith,” os an t-Olach Ceannruadh. “Togaidh, togaidh,” osa mac righ Eirionn, “Is e sin taobh a’ ghlinne bhi làn de chrodh dubh agus cluas ruadh air gach té dhiubh.” Thill e dhachaidh an oidhche sin agus dh’ innis e dh’a athair mar a thachair. “Is math ma mhaireas,” os an righ. Moch ’s a’ mhaduinn thugar an gleann air a choimhead a’ chaisteil, agus na feudalach a fhuair e ’n dé, agus aig a’ chaisteal tachrar an t-Olach Ceannruadh air. “An cluith thu cluith air an tàileasg an diugh, a mhic righ Eirionn,” os an t-Olach Ceannruadh. “Cluithidh, cluithidh, carson nach cluithinn an diugh mar a chluith mi an dé an rìgheachd m’ athar ’s mo sheanar,” osa mac righ Eirionn. Thòisich iad, agus bha iad ’g a iomairt bho éirigh gu dol fotha na gréine, agus chaidh an cluith air an Olach Cheannruadh. “Tog dhiam buaidh do chluith,” os an t-Olach Ceannruadh. “Togaidh, togaidh,” osa mac righ Eirionn, “Is e sin taobh eile a’ ghlinne a bhi làn de chrodh ruadh agus cluas dhubh orra.” Thill e an oidhche sin dhachaidh, agus dh’ innis e dh’ a athair mar a thachair. “Is math ma mhaireas,” os an righ. Chaidh e a laidhe, agus, am marbh na h oidhche, ciod a thàinig a stigh do ’n t- seòmar ach an t- aon [TD 304] bhoirionnach a bu bhriagha a chunnaic e riabh, agus tuitear e an trom ghaol oirre. “Cha bhi bean dhìolain no phòsda agamsa gu bràch ach thusa,” ars esan. “Cha phòs mise am feasd thu,” ars ise. “Tha thu dol am màireach do ’n ghleann, agus thainig mise g’ ad chur air d’ fhaicill; caillidh tu an cluith—oidhche mhath dhut.” Dh’ éirich e moch ’s a’ mhaduinn agus thug e an gleann air, agus choinnich an t-Olach Ceannruadh far am b’ àbhaist. “An cluith thu cluith air an tàileasg an diugh, a mhic righ Eirionn,” ars an t-Olach Ceannruadh. Cluithidh, cluithidh, carson nach cluitheadh an diugh mar a chluith mi ’n dé, an rìgheachd m’ athar ’s mo sheanar,” arsa mac righ Eirionn; agus am bial na h-oidhche chaidh an cluith air mac an righ. “Tog dhiam buaidh do chluith” osa mac righ Eirionn. “Togaidh, togaidh,” os an t-Olach Ceannruadh, tha ’n t-àm agam. Tha mi ag cur mar chroisean ’s mar gheasan ort, thu bhi d’ lobhar maol carrach gus am faigh thu mach dhomh mar a chaidh an Tuairisgeal Mór gu bàs.” “Tog dhiam buaidh do chluith,” osa mac righ Eirionn, “cha chuala mise iomradh air an duine sin riabh.” “Cha tog ’s cha leag ach mar sid,” osa an t-Olach Ceannruadh. “Ma is ann mar sin a thà,” osa mac righ Eirionn,” biodh d’ aghaidh-sa ris an àirde niar agus do chùlaobh ris an àirde near, agus gun mhìr bidh a bhi agad ach na chuireas a’ ghaoth tuath bhàrr na glaice eòrna ud shìos, agus gun bhoinne dibhe bhi agad ach na chuireas a’ ghaoth near bhàrr an loch-uisge ud shuas gus an till mi.” “Tog dhiam buaidh do chluith, agus togaidh mi dhiat,” ars an t-Olach Ceannruadh. “Ma ’s ann mar sin a thà ma ta,” arsa mac righ Eirionn, “thig, agus innis do naidheachd, air a’ chnoc so, ged a bhiod cnàimh an Eirinn, ’s cnàimh an Albainn, agus cnàimh an Sasunn dhiamsa.” Cha robh comas air, ach thill e dhachaidh, agus dh’ innis e dh’a athair mar a thachair; agus, rud nach b’ ioghnadh, bha an righ gu dubhach, deurach. Cha b’fhois agus cha bu chadal do ’n ghille an oidhche sin, agus mu ’n do bhlais an t-ian an t-uisge, dh’éirich e ’s chuir e— Léineag phleatach shròil, De ’n t-sìoda bhuidhe, Air a gheal-chorp. Chuir e a chòta eangbhaidh sròil, Air uachdar na h-òr-léineige. Chuir e lùireach mhòr, mhuilchinneach, Shìth, thorghonta, thorghleusta, Gharbh, ghabhalta, Air am bu shaoithreach An dà cheardaich, A dhìon a chuirp ’S a gheal-bhràghad, (’S gu ’m bu sho-ghràdhach dhà Gaol bhan agus mhaighdean) Nach bàthadh muir, ’S nach loisgeadh teine. Thug e ’chlaidheamh caol cruadhach, As a’ chistidh chaoil ghiubhais, A’s dh’ fhalbh e ’s na ceumannan Sùrdagach, luchdor, làidir, Am baoth chur an eòlais, ’S am bo chur an aineoil. ’S bu mhò e na maol-chnoc sléibhe Am beum a chuir e an deaghaidh a dhà shàlach ’S bha e shuas air gualainn a’ ghlinnein, Dol a dh-iarraidh sgiala-bàis An Tuairisgeil! Ràinig e an oidhche sin tigh a’ Ghruagaich mhòir, mac righ na Sorcha. “Fàilt ort fhein a mhic righ Eirionn,” os an Gruagach, “is fhada bho ’n a bha e ’s an targanaich gu ’n tugadh tu oidhche am thigh. Am misde mi ’fhoighnachd dhiat ceann do theidhidh ’s do shiubhail?” [TD 305] “Cha mhisd’ thu,” osa mac righ Eirionn, “is tu nach misde. Tha mi dol dh’ fhiach am faigh mi mach mar a chaidh an Tuairisgeal Mór gu bàs.” “Ma tà,” os an Gruagach, “is ioma rìgheachd righ ’us ridire a shiubhail mise, ach guth air an Tuairisgeal Mhór cha chuala mi riabh; ach teann a stigh, anns gabhaidh tu tàmh a nochd còmhla rium. Tha bràthair agam is fhalbhanaiche, ma dh’ fhaodte, na mi fhein. Theagamh gu ’m faigh thu sgial aigesan air, agus theagamh nach fhaigh, ach co-dhiùbh, teann a stigh.” Theann mac righ Eirionn a stigh, agus fhuair e gabhail ris gu math ’s gu ro mhath; ach coma, an làirn-a-mhàireach, dh’ éirich e moch ’s a’ mhaduinn ’s togar air gu falbh. Bha ’n Gruagach air a chois, agus mar a bha e ag gabhail soiridh leis a’ ghille, thuirt e ris gu ’n robh coiseachd là ’us bliadhna eadar e agus tigh a bhràthar mheadhonaich. “Ach” os esan, “tha socair-bhonn agam fhein ’s bheir iad ann fo oidhche thu. An uair a ruigeas tu cuiridh tu an aghaidh air an tigh so, agus thig iad fhein air an ais dhachaidh.” Chuir e an t-socair-bhonn air, ’s ràinig e tigh a’ bhràthar mheadhonaich romh thuiteam oidhche. Thill e dhachaidh an t-socair-bhonn mar a dh’ iarr an Gruagach air. Chuir am bràthair meadhonach fàilt air, agus thuirt e ris, “Is fhada bho ’n a bha e ’s an targanaich gu’ n tugadh tu oidhche am thigh. Am misde mi fhoighneachd dhiat ceann do theidhidh ’s do shiubhail?” “Cha mhisd thu,” arsa mac righ Eirionn, “is tu nach misde. Tha mi dol dh’ fhiach am faigh mi mach mar a chaidh an Tuairisgeal Mór gu bàs.” “Ma tà” ars esan, “is ioma rìgheachd righ ’us ridire a shiubhail mise, ach guth air an Tuairisgeal Mhòr cha chuala mi riabh, ach teann a stigh.” Dh’ innis e an sin da gu’n robh bràthair òg aige a b’fhalbhanaiche na e fhein; “Tha e,” os esan, “ag cur cuairte air an t-saoghal dà uair ’s a’ bhliadhna, ’s mur fhaigh thu forfhais aigesan air, faodaidh tu tilleadh dhachaidh. Tha coiseachd là ’us bliadhna eadar thu ’s e, ach tha socair-bhonn agam fhein ’s bheir iad ann fo oidhche thu. An uair a ruigeas tu cuiridh tu an aghaidh air an tigh so agus thig iad fhein air an ais.” Moch ’s a’ mhaduinn an lairn-a-mhàireach, rinn e e fhein deas, agus chuir e air an t-socair-bhonn. An uair a ràinig e ’s cha b’ fhada h-uige, thill e dhachaidh an t-socair-bhonn mar a chaidh iarraidh air. Chuir am brathair òg fàilt air agus thuirt e ris, “Is fhada bho’n a bha e ’s an targanaich, a mhic righ Eirionn, gu’n tugadh tu oidhche am thigh. Am misde mi fhoighneachd dhiat ceann do theidhidh ’s do shiubhail?” “Cha mhisd thu,” arsa mac righ Eirionn, “is tu nach misde. Tha mi dol dh’ fhiach am faigh mi mach mar a chaidh an Tuairisgeal Mor gu bàs.” “Ma tà,” ars esan, “is ioma righeachd righ ’us ridire a shiubhail mise, ach guth air an Tuairisgeal Mhòr cha chuala mi riabh, ach teann a stigh.” Fhuair e gabhail ris gu math ’s gu ro mhath mar a thigeadh do mhac righ, agus moch ’s a’ mhaduinn an uair a bha e deas gu falbh, thuirt an Gruagach òg ris, “Cha’n ’eil comas air, a mhic righ Eirionn, ach theirig suas do ’n ghleann ud shuas. Chi thu ann mòran de eich ’s de loithean a’ leumraich ’s a’ ruideis. Am bial na h-oidhche thig loth pheallagach odhar a dh-òl deoch as an tobar. Cuiridh i an t-sine dheas [TD 306] air a gualainn thoisgeil, agus an t-sine thoisgeil air a gualainn dheis, agus leig thusa mar fhianuis air talamh ’s air athar gur dalta-ciche dhi thu.” Is e so a rinn e. “Is ioma dalta dona a bh’ agam riabh,” os an loth pheallagach, “ach ciod e tha bhuat?” “Tha bhuam,” os esan, “sgial air bàs an Tuairisgeil Mhoir.” “Theirig air mo mhuin,” os ise, cha’n àm stad e.” Chaidh e air muin na loth peallagaiche, agus, a mhic chridhe, cha b’astar ’s cha bu ruith e gus an oidhche sin—iad a’ fàgail na gaoithe-Màirt a bha rompa, ’s cha bheireadh a’ ghaoth-Mhàirt a bha ’n an deaghaidh orra. Mu dheireadh rainig iad loch. “Tha ’n loch so,” os an loth, “seachd mile gach rathad agus seachd mile air doimhneachd. Cha’n àm so gu dol timchioll, ach gearraidh mi leum thairis air. Ma chinneas do ghnothach leat, marcaichidh tu gu math.” Ghabh i roid ’s ghèarr i ’n leum. A’ dol air tir thall bha esan a’ slaodadh ri h-earball. “Rinn thu greim math,” os ise, “biodh misneach agad, ach am beil fhios agad càite am beil thu nise—tha thu air fonn righ na h-Inneidh! Tha réis an diugh aige ’g a cur, e fhein ’s moran uaislean, ’s mòran each ’us loithean aige. Tha barraille òir ’us barraille airgid aig gach taoghal. An uair a ruigeas sinne, thig an righ a nuas far am bi thusa, agus farraididh e dhiat ciod e tha thu a’ dol a chur ri sid. Their thusa nach nach ’eil òr no airgiod agad air do shiubhal, ach gu’n cuir thu do cheann an geall ris; agus ciod sa bith a thairgear dhut ormsa na gabh ni no dad ach seann righ na h-Inneidh, agus cuimhnich sin.” Is ann mar so a bha. “Ciod e an geall-réise a chuireas tu” os an righ. “Le ’r cead, a righ,” os esan, “cha ’n ’eil òr no airgiod agam—cha ’n ’eil mi ag cleachdadh a thoirt leam air cheann-turuis ach air éiginn na dh’ fhoghnas domh, ach cuiridh mi mo cheann an geall.” “Foghnaidh sin” osa righ òg na h-Inneidh. An sin thòisich an t-strìth. Leig iad air falbh na h-eich; ach mu ’n robh càch an leth an rathaid dhòirt an loth odhar am barraille òir agus amhuil sin am barraille airgid. An sin thàinig righ òg na h-Inneidh a nall far an robh mac righ Eirionn, ’s thuirt e ris, “Is e a th’agadsa steud righ ’us ridire ’s cha steud duine bhochd; bheir mise dhut a cudthrom de òr oirre.” “Cha ghabh mi ni no dad air an loth idhir, ach seann righ na h-Inneidh,” os esan. “Cha b’ ann air son na lothaige peallaiche a chreiceamaid seann righ na h-Inneidh idir, ’s cha bu choltach gu ’m b’ ann,” os an righ òg. “Mur h-ann gleidhidh mise mo loth agam fhein,” arsa mac righ Eirionn. Chuir maithean na h-Inneidh an cinn ri chéile, agus ’s e comhairle a chinn aca gus an righ òg a thoileachadh an seann righ a reic bho ’n a bha e air dol bho mhath co dhiubh. Bu chruaidh leis a’ ghille, ’s gu’m b’ eadh, dealachadh ris an loth idhir, ach cha robh atharrachadh aige air. Dh’ earb i ris an t-srian a thoirt leis, agus crathadh a thoirt oirre a’ chiad eiginn a thigeadh air. An sin thugadh am mach seann righ na h-Inneidh air a shuanadh an rùsg ollainn ann an cliabh. Thog an gille an cliabh air a mhuin, agus dhealaich e fhein ’s an loth odhar. Bha e ’cumail air cian fhada ’s cuan fhada, ’s fada nan cian leis an righ air mhuin ’s a’ chliabh. Mu dheireadh thachair coille mhor air. “A’ dol romh ’n choille so, b’àbhaist domh dol bhàrr m’ eich a bhuain slaite a ghreasadh e, leig air làr mi, dh’ fhàiginn mo bheannachd aice,” osa seann righ na h-Inneidh. “Is [TD 307] fhad a sheachainn thu i,” osa mac righ Eirionn. Bha iad ag cumail air an aghart mar sin, ’s thuirt an righ a rithist, “Tha abhuinn mhòr an so, ’s cha deachaidh mi riabh seachad nach d’ òl mi deoch, leig air làr mi.” “Is fhada a sheachainn thu i,” osa mac righ Eirionn. Na ’n leigeadh e air làr e bhiodh spionnadh chiad fear ann, ach crathar an t-srian. Cha b’ fhada gus am fac e an loth odhar a’ tighinn ’s leumar air a muin. Bha iad ag cumail air an aghart agus ciod a thachair orra ach teine, agus rinn iad stad. “O,” os ise, “nach greidh thu buinn na béiste ris an teine ’s gu’n innseadh e naidheachd dhuinn.” Rinn e sid, ’s tòisichear an seann righ:— “Bha triuir mhac aig m’ athair, mise agus dithis eile. Dh’ eug ar màthair òg, agus phòs ar n-athair a rithist. Cha robh ar muime math dhuinn idir, agus la de na làithean, thigear togail foipe agus buailear an slachdan-draoidheachd oirnn, agus cuirear am mach ris a’ bheinn ud urad sinn ’n ar trì madaidhean-alluidh. Bha sinn an sin a’ tighinn beo air spréidh ar n-athar; ach cha b’ fhada gus an d’ fhuair na buachaillean am mach sinn; agus is e ’bh’ ann gu’n do chuir iad faghaid fothainn ’s gu’n do chuir iad le creig mhóir sinn. Cha ’n ’eil fhios agam ciod é fhad ’s a thug sinn ’n ar paisein; ach an uair a dhùisg mise fhuair mi mo bhràithrean air am bàthadh, agus mo chluasan fhein air an ithe. An sin ghabh mi an snàmh gu taobh thall an loch. Thuit gu’n robh mòran sluaigh cruinn an uair a bha mi ruighinn gu tìr: feadhain ag glaodhaich cur as domh, agus feadhain ag iarraidh mo chead a thoirt domh, gu’n dianainn peata. Bha duine uasal ’n am measg ag gabhail seallaidh dha fhein, ’s gabhar son diam, agus dianar peata dhiam. Thug e leis dhachaidh mi ’s chuir e air lomhainn mi ’s an t-seomar-chadail aige fhein. Co b’ e an duine uasal a bha ’n so ach righ. Bha h-uile duine fuathasach math dhomh, ’s cha robh dìth no deireas orm. An ceann ùine bha bhànrigh gus an dalla taobh a dhol di, ach thuit gu ’n robh an righ ’s a’ bheinn-sheilg. Rugadh leanabh-mic dhi, agus ciod a thàinig ach a’ Chruit-chiuil mu ’n cuairt de ’n tigh, ’s tuitear na mnathan-glùine ’n an cadal, ’s thigear cròg a stigh air an fhàrleus agus sguabar leatha an leanabh. An uair a dhùisg na mnathan cha robh fhios aca ciod a dhianadh iad, ach tha fhios agad nach robh na mnathan riabh gun luim, agu is e rinn iad cuilein coin a mharbhadh agus ’fhuil a shuathadh ri m’ bhial-sa, ’s chuir iad am fiachaibh do ’n righ gu’n do mharbh mi an leanabh. ‘Tha ’n gnothuch gu h-olc,’ os an righ, ‘ach dianadh e dà choire eile orm agus marbhaidh mi e.’ Chaidh a rithist an dara taobh de ’n bhanrigh, agus thàinig a’ Chruit-chiuil ’s a’ chròg ’s dh’ éirich do ’n chuis mar a dh’ éirich roimhe, agus cha robh an righ idir toilichte. Cha robh comas air, ach chuir mi romham gu’n gearrainn an t-slabhruidh le m’ fhiaclan, mu’n rachadh a rithist an dalla taobh de’n bhànrigh. Ach coma thainig a’ Chruit-chiuil mu’n cuairt de’n tigh agus tuitear na mnathan-glùine ’n an surram-suain, ’s thigear a’ chròg mar a b’ àbhaist agus togar leatha an leanabh. Cha deachaidh sid air mhithapadh dhòmhsa, leum mi ’n deaghaidh na croige ’s cha bi am munar, agus thug mi leam bho ’n ghualainn i, agus an leanabh, agus chuir mi làmh rium ’s a’ chrò iad. An uair a dhùisg na mnathan shuath iad fuil piseige ri m’ bhial, gu blàth fala bhi orm, agus an uair a thill an [TD 308] righ as a’ bheinn-sheilg thuirt iad ris gu’n do mharbh am mada maol an leanabh. Ghabh an righ diomb mór, agus cha b’ ioghnadh dha, agus thuirt e riumsa, “Ma ’s ann mar so a tha cha bhi thusa na’s fhaide beo,” agus dh’ fhosgail e dorus a’ chrotha gu m’ leigeil am mach. Chuir mi fhein a’ chròg ’s an leanabh am mach romham, agus dh’ innis mi a h-uile car mar a thachair. Thuig an righ mar a bhà, agus thuirt e riumsa, ‘A mhada mhaoil, na ’m biodh tusa fuasgailte bho chionn thrì bliadhna cha bhiodh mo chall-sa cho an-trom ’s a thà e an diugh, ach fhad’s is beò thu bidh tu air do chead fhein, agus fiach co aig a tha chridhe a chorrag a thomhadh riut, no a ràdh gur h-olc.’ An uair a fhuair mi mo chead thug mi am mach orm, agus leis an toileachas cha robh fhios agam co dhiùbh bha fotham mo cheann no mo chasan. A’ dol seachad air gàradh a bha ’n sin, ciod e a chuala mi ach ròmhan mór, agus tillear air m’ ais agus faighear an ùruisg mhór dhuine iad ’n a shìneadh air cùl a’ ghàraidh. “Co sid?” osa mise. “Tha ’n so mise,” os esan, “an Tuairisgeal Mór. Bho ’n is tusa a thug dhiam a’ chròg bho ’n t-slinnein, cuir a nise ùir ’us talamh orm.” “Cha ’n urrainn domh uaigh a chladhach dhut,” osa mise. “Seall-tu mo chlaidheamh mór urad ud, agus cladhaichidh tu leis i—do sheachd fad fhein air fad, agus do thrì fad air liad.” An uair a bha i deas agam dh’ iarr e orm a nise mi g’ a tomhas. An uair a bha mi stigh innte thàinig an Tuairisgeal air a tharsuinn innte dh’ fhiach am mùchadh e mi, ach a dh-aon dhochunn no dh’ éiginn gan d’ fhuair mi dh’ éirich mi, ’s chuir mi ùir ’us talamh air an Tuairisgeal. Dh’ innis e dhomh gu ’n robh dà mhac an righ ann an creig os ar cionn, ’s na ’m buailinn mo chas oirre gu ’m fosgladh i ’s gu’m faighinn beò slàn iad. Fhuair mi iad mar a thuirt e, agus thug mi leam iad thun an righ, ’s rinn an righ toileachas mór. “Tilg a’ bhéist ’s an teine,” os an loth pheallagach odhar, “tha’n tòir a’ tighinn—cóig ciad làn ghaisgeach, sia famhairean diag, agus fichead ridire, a’ tighinn gus mo ghlacadh; bi gabhail air mo mhuin, sin iad am mach.” Leum mac righ Eirionn air muin na loth ’s thug i na buinn. “Tha mi ’g am lagadh ’s ’g am leonadh,” os ise, “seall am faigh thu clachag gheal am bun mo ladhair, ’s tilg as do dheaghaidh i.” Fhuair e sid ’s thilg e i, ’s dh ’fhàs i ’n a stalla mòr creige ’s an robh seachd mìle air fad agus seachd mile air àirde, agus chaidh a h-uile fear de’n chòig chiad làn ghaisgeach leis a’ chreig, ’s chaidh an eanchainn asda uile. Ghearr na famhairean ’s na h-eich leum ’s thuit iad fhein ’s na ridirean aig bun na creige, ach cha do stad an loth fada ag coimhead orra. Bha iad ag cumail air n’an steudaibh ’s mu dheireadh thuirt an loth, “O, tha mi ’g am lagadh ’s ’gam leònadh, ’s an tòir a’ tighinn. Fiach am faigh thu boinne falluis am bun mo chluaise agus tilg ad dheaghaidh e.” Thilg e sid ’s dh’ fhas e ’n a loch ’s an robh seachd mile air fad, seachd mile air liad, agus seachd mìle air doimhneachd. Ghèarr an tòir leum ’s bhàthadh na famhairean, ’s na h-eich ’s na ridirean uile ach aon each dubh ’us marcaiche. “Tha ’n t-each dubh mor mo bhràthair a’ tighinn,” os an loth, “agus feumaidh tu bhi tapaidh fiach an cuir thu, ’s an dol seachad, an ceann de ’n fhear a tha ’g a mharcachd.” Rinn an gille deas agus mar a bha ’n t-each mòr dubh a’ dol seachad, thug an loth leum-taoibh aisde, agus chuir e an ceann de righ òg na h-Inneidh—is e a bh’ air muin an eich. “Teann,” os an t-each, “bhàrr na loth, ’s thig air mo [TD 309] mhuin fhein.” “Theirig air muin mo bhràthar,” os ise, “tha urad ghaoil aig ort ’s a th’ agam fhein a nise.” Chaidh e air muin an eich dhuibh ’s cha do stad air an ceum gus an d’ ràinig iad Eirinn an t-àite as an d’ fhalbh iad. Thachair an sin loch orra. “Trobhad,” os an loth, “agus cuir a nise an ceann dhiam fhein ’s de m’ bhràthair an so, agus tilg am mach air an loch sin.” “An e mise,” os esan, “is mi am fear nach cuir—is ann a chuirinn an ceann de dhuine sa bith a theannadh ris.” “Mur cuir thusa dhinne an ceann, cuiridh sinne dhiatsa e, agus greas ort.” Is e bh’ ann gu’n do chuir e dhiubh an ceann, ’s gu’n do thilg e am mach air an loch iad. Thòisich e ’n sin air gal ’s air caoine gus mo dheireadh an d’ thug an cadal thairis e. An uair a dhùisg e co chunnaic e tighinn ’n a chòmhail ach fleasgach ’us maighdean àluinn. Dh’ fhoighnich iad ciod a bh’ air. Dh’ innis e dhaibh mar a bhà; mar a chuir e as do ’n loth uidhir ’s do ’n each dhubh ’s nach rachadh rath air gu bràch ’n an deaghaidh. “Nach gabh thu mi fhein an àite na loth agus mo bhràthair an àite an eich” os a’ mhaighdean. Thug e taing dhi, ach thuirt e nach gabhadh e ni no dad ’n an àite. “Ma tà,” os ise, ‘is mise an loth pheallagach odhar, agus ’s e mo bhràthair an t-each dubh. Is clann righ na Spàinte sinn, agus bha sinn mar sid fo gheasan.” “Ma ’s ann mar sin a thà,” os esan, “cha bhi bean dìolain no phosda agamsa gu bràch ach thu.” “Tha mise toileach ma ta,” os ise, “ach cha phòs mi thu gu ceann bliadhna, tha agam ri dol dachaidh a shealltainn m’ athar ’s mo mhàthar agus mo chuideachda. Ach so dhut fainne òir ’s ni sinn da leth air. An uair a chi thu mise rithist theid am fàinne ’s a’ chéile mar a bha e roimhe.” “Agus,” os ise, “theid thu dhachaidh ’s na toir pòg do dh-athair no do mhàthair no do ni eile, neo ma bheir cha bhi cuimhne agad air mnaoi no air leannan. Theid thu do ’n ghleann far an d’ fhàg thu an t-Olach Ceannruadh, agus innsidh tu dha air a’ chnoc mu bhàs an Tuairisgeil Mhòir. Tha e ’n a thòrr ruadh chnàmh air a’ chnoc, agus an àm dha bhi ’g éirigh tàirnidh e ’fhuil, ’us fhéithean mar a bha e riabh, agus mar a bhios e air ’uilinn tilg dh’e an ceann leis a’ chlaidheamh, air neo, an uair a chi e claidheamh a bhràthar cha ’n fhag e duine beo ’s an dùthaich.” Dh’ fhàg e an sin beannachd aice, agus dh’ fhalbh iadsan dachaidh. Ràinig esan an cnoc ’s dh’ innis e a naidheachd. Bha an t-Olach Ceannruadh a’ tarruinn ris ’fhala, ’s ’fheòla, ’s fhéithean, gus an d’ éirich e air ’uilinn, ach theg esan togail do’n chlaidheamh ’s cuirear an ceann d’e; ’s dh’ fhalbh e an sin dhachaidh a choimhead air ’athair. Bha ’athair air an leabaidh, dall, bodhar, gun treòir, bho’n là a dh’ fhalbh esan gus an là ud, ag caoidh a mhic. “Tha dà thrian de m’ fhradharc, agus dà thrian de m’ chlaisteachd air tighinn orm, seallaibh am mach, tha mo mhac a’ tighinn no sgial bhuaithe.” An tiota beag ghlaodh e. “Tha mi cho làidir ’s a bha mi riabh ’s theid mi fhein am mach.” Is e bh’ ann gu’n do lenm e fhein am mach, agus choinnich a mhac a’ tighinn e. Chaidh e mu chnàimh-amhuch a mhic, ach cha tugadh a mhac pòg no pòg dha, no do dhuine eile. An uair a shuidh e stigh ’s a ghabh iad a sgial, ciod a thàinig a stigh ach gala-mhiolchoin a bh’ aige roimhe agus aithnichear e, agus buailear buille dh’e ’teanga air mu’n bhial, agus tuille cha robh guth aige air mnaoi no air leannan. Bha e tuille a’ [TD 310] fuireach comhla ris an righ; ach an ceann bliadhna smaoinich e gu ’m posadh e. Agus co bha e dol a phòsadh ach an te a thàinig g’ a shealltainn an oidhche mu’n d’fhalbh e. Bha a’ bhainis ’g a cur suas, mar gu’m b’ eadh an nochd. Fhuair moran cuireadh gu bainis mhic an righ. An uair a bha a’ bhainis a’ dol ’n a suidhe, co bhuail a stigh ach lasgaire de ghille òg agus maighdean àluinn còmhla ris. Chuireadh ise ’n a maighdinn, agus esan ’n a fhleasgach bho’n a bu choigrich iad. An uair a thug fear-na bainse am mach airgiod a’ phòsaidh ciod a thàinig á phòca ach bloigh an fhàinne a thug nighean righ na Spàinte dha, agus an uair a thug ise an aire dha, thug i am mach a bloigh fhein ’s leum am fàinne ’s a chéile mar a bha e ùr nomha. Thàinig e an sin gu chuimhne fhein, agus aithnichear i; agus ’s e bh’ ann gu’n do phòs e fhéin ’s i fhéin; agus phòs a bràthair agus an te a bha esan a’ dol a phòsadh, ’s rinneadh dhaibh bainis mhór, ghreadhnach, aighireach a mhair là ’us bliadhna, ’s cha d’ thàinig guth mòr no droch fhacal eadar a h-aon de ’n chàraid fhad’s bu bheò iad. FAILTE SHIR EOBHAN. BHEIL thu stigh, bhean a’ chinn duibh, Thàinig Eóbhan. Bheil thu stigh, bhean a’ chinn duibh, Thàinig Eóbhan. Bheil thu stigh, bhean a’ chinn duibh, Thàinig Eóbhan. Bheil thu stigh, bhean a’ chinn duibh, Thàinig Eóbhan. Faoilt air Eóbhan, Fàilt air Eóbhan, Thàinig Eóbhan. Thàinig, thàinig, thàinig, thàinig, Thàinig, thàinig, thàinig, thàinig, Thàinig Eóbhan. Thàinig, thàinig, thàinig, thàinig, Thàinig, thàinig, thàinig, thàinig, Thàinig Eóbhan. Thàinig Eóbhan, Faoilt air Eóbhan, Fàilt air Eóbhan, Bheil thu stigh, bhean a’ chinn duibh, Thàinig Eóbhan. Bheil thu stigh, thig a muigh, Bheil thu stigh, thig a muigh, Bheil thu stigh, thig a muigh, Bheil thu stigh, thig a muigh, Bheil thu stigh, bhean a’ chinn duibh. Thàinig Eóbhan, Thàinig Eóbhan, Faoilt air Eóbhan, Fàilt air Eóbhan. Bheil thu stigh héro, Bheil thu stigh hàro, Bheil thu stigh héro, Bheil thu stigh hàro, Bheil thu stigh, bheil thu stigh, Bheil thu stigh héro, Bheil thu stigh, thig a muigh. Bheil thu stigh hàro, Bheil thu stigh héro, Thàinig Eóbhan, Faoilt air Eóbhan, Fàilt air Eóbhan, Bheil thu stigh, bhean a chinn duibh, Thàinig Eóbhan, Faoilt air Eóbhan, Fàilt air Eóbhan, Thàinig Eóbhan, Thàinig, thàinig, thàinig, thàinig, Thàinig Eóbhan. SOP AS GACH SEID. Is fhèarr do dhuine bhi ’snaim nan sop na bhi ’n a thàmh. Faodaidh seann each sitir a dhianamh. Am fear a theid am mach air na h-uaislean is duine truagh a measg chàich e. An duine a’s miosa càramh, an duine gun chinneadh thaobh athar no màthar. Cha ’n ’eil coill gun chrìonaich, ’S cha ’n ’eil baile gun bhiast ann. Cha ’n ’eil linne gun ubh-gluig. Am fear a bhios air deireadh bidh na coin comaith ris. Is e an geamhradh luath, an geamhradh buan. Mar is luaithe a’ ghaillionn, is ann a’s cruaidhe a’ ghaillionn. Cha ’n ion do dhuine a ghàire, ars am fear a bha ’s an àrfhaich ’s fitheach air e fhein a ribeadh ’n a chaolain, ’s e ri fàite-gàire ri lon an fhithich. Ruchd, ruchd! thuirt am fitheach, ’s e mo mhac an tighearna. [TD 311] MARBHRANN D’ A CHEILE; LE IAIN MOIRISION, A BHA ANNS NA HEARADH. [Ceòl] Mo leòn! ’s mo léireadh! ’s goirt mo dhéuchainn, Fodh ghoimh ghéur ga m’ chiùrradh, A caoidh mo chéile ’bu ghlan béusan, ’S ’bu tearc té ’bu chliùteich’; ’S tù ’dh’ fhàg ro éisleineach ’n a d’ dhéigh mi, ’S tric na déir bho m’ shùilean Bho ’n latha ’thréig thu mi le éug, ’S a chaidh do chré fodh ’n ùir uam. ’S ro chianail ’tha mi ’n ceann do phàistean ’Tha maoth, bàth, gun chùram; Us lot ’n a m’ àirnean, bhi ’g an clàistinn ’Caoidh do ghràidh ’bha dlùth dhaibh; Ni ’dh’ fhàg gach làth’ mo chridhe sgàinte, ’S mi ’n cruaidh chàs fodh thùrsa; ’S nach soillsich tràth ’s an cluinn mi ’n ràn, Nach bi ’n a chràdh ás ùr dhomh. B’e “feòil de m’ fheòil thu, ’s cnaimh de m’ chnàmhan,” Bha do ghràdh ro mhór dhomh: An aisne-chàraid ’thug an t-Ard-righ Dhomh ’n a ghràs gu m’ chòmhnadh. An Tì a chàirich thu ri t-àite, Cuimt’ ri càch, ’s co-chòrdte, Cha d’ rinn e màm no meall ort fhàgail, ’Bheireadh cràdh no leòn dhomh. Le briathran béil cha chuir mi ’n céill Mar ’tha mi ’n teinn ga d’ ionndrainn: Mo chreachadh léir, le làmh an éig, Tha dhomh ’n a phéin do-ghiùlant’: Bhi ’fulang réubadh m’ aisne chléibh uam, ’S goirt mo chréuchd ’s is drùidhteach, Us dàitht’ a’ m’ chré mar lot ro ghéur, Us m’ fheòil a’ d’ dhéigh gun dùnadh— ’S mar lot ’tha iomsgaoilte, gun urchasg, Fodh nimh buirb’ do-shloinnte; Gach madadh ’s uilbheist, nach dean ’imlich, [TD 312] Bheir le mioncas graim ás: Na naimhdean furchar mu mo thiomchioll, Deamhnan ’tilgeadh shaighdean; ’S an gath ni ’s durgh’ do m’ fheòil ri iomchar, Na geur chuilg de ’n droidhneich. Bu mhaiseach céutach, thu ’n a d’ éugaisg, ’S bu ghlan sgèimh do dhealbh-chruth; ’S mar ’thug thu spéis dhomh mar chaomh chéile, ’Chaoidh cha ’n fhéud mi ’dhearmad; Us mheal mi éibhneas, fad do ré, ’Bha mar riut féin ga m’ leanmhainn; Us iomadh néarachd, mar an ceudna, ’Rinn mo thréigs’ bho dh’ fhalbh thu. Ged ’s ni do-iomchar leam ’bhi ’g iomradh D’ fhaoilteachd, ’s d’ fhurbhailt caoimhneis; Bha d’ ghnùis, ’bha suilbhear, leam ro ionmhainn, ’S air réir d’ inbh ’bha loinnmhor, Le nàdur tulchuiseach, gun bhuirbe, ’S cridh nach fuilaingeadh aimhreit— Ach dh’fhàg thu ’n cuimrig mi, ’s an urchaid, ’S ann am buillsgean aimbeairt. Fodh riaghailt òrduigh, ’s rùn a’ phòsaidh, Bha thu d’ chòmhnadh dearbht’ dhomh; Bha d’ bheatha stòld’ a’ m’ uchd ’s cha d’ leòn Thu mi gu bròn no angnath; Bha d’ ghràdh cho fòireil orm ’s gach dòigh ’S gu ’n robh mi’ m’ mhòr chuis-fharmaid; ’S bu bheannachd òrdhearc, thar mo sgeòil, Thu dhomh ’thaobh feòla ’s anama. Na abradh nàmh a nis gu bràth Gur feòil a mhàin fàth m’ ionndrainn; Ach caoimhneas blàth, mar thoradh gràis, A las, a’m pàirt, ’n a d’ ghnùis ghil. Bha agad eàrlas air do shlàinte, ’Thog bho ’n hhàs do chùram— ’S mo bhròn gu’n d’fhàg thu mi ’n cruaidh chàs! Oir bha do ghràdh dhomh dùbfhillt’. Ach ’s peanas alltachd dhòmhs’ a bh’ ann, ’S gu ’n d’fhuair mi ’challtachd mhór so; Mar iodhal bhann mi riut cho teann ’S gu ’n robh mi’ m’ dhall do n’ tròcair; Cha ’n ioghnadh ànsith ’thig’nn mu m’ cheann, ’S mo chor ’bhi fann, dubh-bhrònach, ’S ged shrùl ’n an deann mo dheòir bho m’ fhabhran, Fodh lot lann Iehòbhah. Is còrd ro làidir mar am bàs, ’Tha ’m buaidh a’ ghràidh ’bheir dùlan Do ni le ’m b’ àill a chumail làth’ Bho chuspair àrd ’bhiodh dlùth dha: Theid mairbh a thàrrsainn beò gu slàint’ leis, Tre ’n t-saor ghràs a ’s tùs dha: ’S an gaol ’tha nàdurr’, ’s tròm a shràchd, A bheir a bhàin do ’n ùir neach. Ged rinn E ’n uair s’ do sgaradh uam, ’S e féin a b’ uaisle còir ort; Us thug E ’n uachdar thar gach truaigh’ thu— ’S e sin stuaidh mo dhòchais; ’S tu ’n seilbh air suaimhneas ’tha do-luaisgte. Ann an cuan de shòlas; Air réir do luaidh air d’ chòir ’n a bhuaidh, Mu ’n d’ thiomnadh suas an deò leat. Chaidh tu air imrich do ’n tìr ionmhainn, Dh’ ionnsaidh inbh’ ro òrdhearc; Us fhuair thu iomlaid mhór ri iomradh, Làn de dh’ ionmhas glòirmhor, A rinn an Tiomnidhfhear dhut ullachadh, Mar do bhunchar dòchais, ’S tha ’n Tì ’tha iomlan, nach gabh tulgadh, Dhut mar chuirm ro shòghmhor. Ged tha mi ’n uair so dheth fodh ghruaim, Gu tùrsach, truagh, a’ m’ dheòiridh, A caoidh do shuairceis, ni ’tha cruaidh leam, ’S mi fodh uallach t-òigridh; ’S e fhuair mi, ’luaidh, dhiot iasachd luachmhor, Bha ’n a bhuannachd mhór dhomh; ’S e ’n Tì bho ’n d’fhuair mi thu ’thug uam thu, Cliù bithbhuan us glòir dha. [TD 313-320] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 321] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] CEUD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1875. [47 AIR. SEAN-FHOCAIL. XI.—BITHIDH DUIL RI FEAR FEACHD, ACH CHA BHI DUIL RI FEAR LIC. Bha Beatha a’ Ghaidheil an Albainn, rè a’ mhor chuid de eachdraidh, air a cuairteachadh le cunnairt air gach taobh, agus bha i neo-chinnteach thar tomhais; ach eadhon am measg nam pobull is siothchaile ’s is teuruinte crannchur, tha ’n fhirinn làn dearbhta nach ’eil dol as o’n Bhàs. Is moch ann an eachdraidh an t-saoghail a thainig a’ bhinn a mach,—“Is duslach thu, agus gu duslach pillidh tu”; agus an cualas riamh iomradh air Lagh a fhuair umhlachd cho iomlan? Bhiodh e faoin a radh, agus cha bhiodh e fior, gu’n robh no gu bheil ar Sluagh ann an doigh shonruichte a’ creidsinn ann an neo-chinnteachd Beatha agus ann an cinnteachd Bàis. Is firinn so a tha aig gach Sluagh, co-dhiu tha iad eolach no aineolach, ciùin no borb, saor no daor. Ach am measg nan Gaidheal, saoilidh mi gu’m faighear, ann an co-cheangal ris a’ ghreim a rinn an fhirinn so air an inntinnean, doigh-chainnt, buaidhean, ’us cleachduinean a tha airidh air an rannsachadh. Tha na samhlaidhean anns a’ bheil cinnteachd a’ Bhàis air a chur f’ar comhair anns na Sean-fhocail Ghaidhealach ann an dlù cho-chordadh ri caithe-beatha an t-Sluaigh. Tha ’n Sgriobtur ag iomradh air “an tigh a dh’ orduicheadh do ha h-uile bheò,”—air “an-iochdmhorachd na h-uaighe.” Tha ’m Bard Romanach a’ samhlachadh a’ Bhàis ri Maor amhuidh a bhuaileas gun letheachas aig talla an righ, ’s aig bothan an diol-deirce; agus gheibhear an smuain cheudna aig Rob Donn, ged nach cual’ e riamh iomradh air Horace: “’S i mo bharail gur fior sud, Gur àrd ’s gur iosal do shealladh; Thug thu Pelham á mòrachd, ’S fhuair thu Eoghan ’s a’ Pholladh.” Tha priomh Bhard Shasuinn a seinn mu’n “Tir bho nach till fear-turuis a chaoidh.” Ach gheibhear samhlaidhean dealaichte uapa so anns na Sean-fhocail Ghaidhealach. Bha ar n-Aithrichean a’ creidsinn gu’n robh crannchur gach neach air a shonruchadh ro-laimh le comhairle ghlic—àm ’us àite a’ Bhais cho maith ris gach ceum d’a Bheatha: “Is eigin dol far am bi ’n fhòid”; “Bheir foid a Bhreith ’s a Bhàis duine á àit’ ’s á eigin.” Chunnaic sinn roimhe so an dearbhadh laidir a tha againn anns na Sean-fhocail air cho duilich ’s a bha lòn fhaotainn ’n ar tìr. Ach gheibhteadh buaidh air an Acras ged nach faighteadh air a Bhàs: “Cinnidh mac a’ mhi-altruim, ach cha chinn e o’n aog.” Bha ar cladaichean o shean cho doirbh ’s a tha iad an diugh, ach cha robh ar bàtan cho comasach no ar Maraichean cho seòlta. Ged nach robh, “Bithidh dùil ri fear fairge, ach cha bhi dùil ri fear [TD 322] reilige.” B’e ’n coimhearsnaich naimhdean a bu chunnartaiche d’ar n-Aithrichean na eadhon an t-Acras no Mhuir. Gidheadh, “Is cruaidh an cath as nach tig aon fhear;” “Bithidh dùil ri fear feachd, ach cha bhi dùil ri fear lìc.” Dh’earbamaid á daoine a bha air an iunnsachadh o’n òige ri cogadh ’s ri cruadal; a bha anns gach ceum d’am beatha buailteach do chunnairt mara ’s monaidh, gu’m biodh iad caoin-shuarach mu’m beatha, ’s gu’m faighteadh iad, ’n an cainnt cho maith ’s ’n an gniomh, a’ cur an ceill lughad an eagail roimh ’n “namhaid dheireannach.” Cha’n ann mar so a bha. Dhearbh iad, gun teagamh, gu minic agus air iomadh doigh, gu’n sealladh iad air “Righ nan uamhas” ’s an aodann gun tiomachadh. Theagaisg iad, le radh, le rann, le sgeul, ’s le eisempleir, gu’m bu chòir do neach, ann an aobhar freagarrach,—a chum còir a sheasamh, onoir a dhion, ’s dilseachd a dhearbhadh,—eadhon a bheatha chur ann an neo-shuim. Ach cha’n fhaighear iad, mar a gheibhear iomadh sluagh eile, a’ labhairt air a’ Bhàs ann an cainnt eutroim no shuaraich. Dhoibh-san, os cionn mhorain, bha ’m Bàs ’n a “ni uamhasach,” cia air bith mar thigeadh e. Saoilidh mi gu’n dearbh ar n-Eachdraidh ’s ar litreachas anns gach linn gur rian so airson an robh ar n-Aithrichean comharraichte am measg nam pobull. Feudaidh e bhi gu’m b’e creidimh mearachdach ar sinnsearan roinn de’n aobhar. Cha’n ’eil teagamh nach ’eil saobh-chreideamh ar latha fein, a lean ruinn o chéin, a’ beathachadh na buaidh so. Aidichear air gach laimh gu bheil gnè na tìre cumhachdach gu bhi gintinn spiorad urramach ’us nadur sòluimte anns an t-sluagh. Ach minich e mar thoilicheas tu, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil an t-urram ’s an t-uamhas leis an labhair ar sluagh mu’n Bhàs agus mu na Mairbh cho comharraichte ’s gu bheil e cur dreach air ar litreachas. Thug mi fanear cheana na focail anns an labhair sinn gu cumanta mu na mairbh; “Am fear nach maireann,” &c. Ach cha ’n e na focail a mhain, ach an guth ’s an t-suil a tha dearbhadh doimhneachd na faireachduin leis an labhair an Gaidheal mu ’charaid “a dh’ fhalbh.” Gheibhear an rian ceudna ’n ar Sean-fhocail. “Tha e nis air fòid na firinn;” “Tha e nis air slighe na firinn.” Theirteadh, “An oidhche roimh ’n bhàs, bu choir do dhuine athais a thilgeadh”; agus cha’n fhuilingear olc a labhairt mu na mairbh. “Moladh mairbh”; “Na abair ach maith mu na mairbh”; “Uir, ùir air beul Orain mu’n labhair e tuillidh comhraidh.” Gus an là diugh, cha toirear iomradh air failinn ann an neach nach ’eil a lathair gun a radh, “Cha’n ann ri chur ’n a dhèigh e.” Ach cha ’n e so a mhain. Saoilidh mi gum feudar a radh le firinn gu bheil inntinn Gaidheil Bhreatuinn thar cheann, a’ gabhail tlachd ann an smuaintean dubhach, cianail. Ma dh’ fhaodte nach dearbh Eachdraidh gur feart so a tha dual do na Gaidheil mar Shluagh; ach tha mi meas gur feart e a tha ro chomharraichte ann an litreachas nan Gaidheal anns na rioghachdan so. O chionn iomadh ceud bliadhna bha iad air an taobh lag, agus feudaidh e bhi gur e so is aobhar do’n chuis. O chionn beagan bhliadhnachan chualas duine cho geur-chuiseach ’s a tha ’n diugh ’n ar measg—Disraeli—ann an seorsa de fheal-a-dhà, a’ toirt seachad mar aobhar airson neo-thoileachas nan Eirionnach, gu bheil an dachaidh a chois a’ Chuain. Cia air bith an t-aobhar, cha ’n ’eil teagamh nach ann air taobh dorcha na sgeithe is miann leis a’ Ghaidh- [TD 323] eal sealltainn. Tha e neo-thoilichte le cùisean mar tha iad; agus feudaidh sinn a radh, ann an tomhas co-dhiu, gu bheil aobhar aige; co-dhiu dh’aidicheas sinn no nach aidich gu bheil e ’gnathachadh meadhonan freagarrach ’us dichioll cothromach airson a chrannchuir a dheanamh na’s fearr. Gheibh sinn ar Baird an comhnuidh a’ caoidh na tìm a dh’ fhalbh; gu minic ag iarraidh o uachdarain ’s o chumhachdan nithean nach toir uachdarain no cumhachdan fo’n ghrein dhoibh ach iad fein. Chomharraich Matthew Arnold am feart so gu soilleir ann am Bardachd Ghaidhealach Bhreatuinn, agus lorgaich e mach a’ bhuaidh a th’aig na Baird Uelseach gu sonruichte thairis air Bardachd Shasuinn anns a’ cheum so. ’N ar litrcachas fein, tha bhuaidh ro chomharraichte. Gheibhear ’s na Sean-fhocail am feart so gu cumanta. “Cha’n fhacas riamh muirn mhor nach robh ’n a deigh dubh-bhròn;” “Is beag tha eadar do ghal ’s do ghaire;” “Thig maith á mulad.” Bha tlachd ar Sluagh ann an comunn a cheile do-innseadh; ach bha gu’m b’ eigin dealachadh an comhnuidh fa chomhair an inntinn: “Is maith ma mhaireas;” “Is iomadh muthadh a thig air an oidhche fhada gheamhraidh;” “Ge cruaidh sgarachdainn, cha robh dithis gun dealachadh;” “Is deireadh gach comuinn sgaoileadh.” Thugadh seachad uair ’us uair mar dhearbhadh gur e MacMhuirich a sgriobh “Oisean” an rann ainmeil— “Caithear oidhche ann am min dhàn Faighear gairdeachas ’s a bhròn.” Co-dhiu ’s e MacMhuirich no MacFhinn, no cia b’e sgriobh an rann, bu Bhard e bha fior eolach air inntinn a’ Ghaidheil. Tha sgeul a’ bhròin taitneach d’ar cluasan; agus is ann le fior thoilinntinn a dh’ iomras seann daoine an diugh air “Oisean an déigh na Féinne.” ’S ann mar is mo gheibh sinn de’n fheart cheudna ann an searmoin is mo a dhrùigheas i oirnn. ’S e puirt thiamhaidh is taitniche leinn. Tha sgal na pioba cianail, ’s i an t-inneal-ciuil is roghnaiche leinn. ’S ann tuirseach, trom, a tha mhor chuid d’ar fuinn. ’S ann muladach a tha, mar is trice, cainnt ar n-orain, co-dhiu ’s “eagal, eudach no gaol” an steigh. Tha mhor chuid de’r Seana Bhardachd, agus gu h-araid a chuid is cumhachdaiche dh’i, a’ caoidh nan tréun a dh’ fhalbh. Ma bheir thu na “Cumhachan” á “Sàr obair nam Bard Gaidhealach,” bheir thu roinn mhor leat; agus is ann a’ caoidh a tha chuid mhor de na dh’ fhagas tu. Agus nach ann a’ “cumhadh” ni-eigin a tha gach Sgonn-bhard a ghleusas a ribheid ’n ar latha fein? Ma their sinn gur e cumha ’us cumhachd an aon fhocal, nach feud sinn a radh gu’n tug ar daoine barrachd geill do chomhairle Sholaimh na thug riamh e fein: “Is fearr dol do thigh a’ bhròin na do thigh na cuirme.” Bhiodh e duilich a chreidsinn, an aghaidh a leithid so de fhianuis, gu’m bu daoine cruaidh-chridheach, fuilteach, no naimhdeil ar n-Aithrichean. ’S e spiorad blàth, caomh, truacanta a nochdas ar litreachas. Ach ma tha bhuaidh calg-dhireach an aghaidh dioghaltachd ’us mi-ruin, tha i air an laimh eile ann an dlù dhaimh ris na feartan is airde ’s is cliuitiche a bhuineas do’n duine. Tha mòrachd dlu-cheangailte ri irisleachd. Their an Sean-fhocal, “’S i ’n dias is àirde is ìsle chromas a ceann;” agus cha ’n ann mu mhuinntir àrd ann an inbhe a mhain a tha ’n Sean-fhocal fior. Co-dhiu lorgaicheas sinn beatha nan daoine a b’airde buaidhean air a’ bheil iomradh againn, na co-dhiu rann- [TD 324] suicheas sinn gu cridhe na cuise fein, gheibh sinn an comhnuidh mòrachd, irisleachd, ’us stòldachd a’ siubhal lamh air laimh. Cia mar bhiodh an t-atharrach fior? Air do chuairteachadh le diomhaireachd air gach taobh;—an talamh fo d’chasan; na speuran os do chionn; d’inntinn do-rannsuichte fein; do bheatha—a tus ’s a crioch; t-aite anns a’ chruthachadh anns a’ bheil do chrannchur;—is ceistean iad so a dh’fheoraicheas gach neach air an do bhuilicheadh a bheag de thuigse gu tric dheth fein. Feudaidh e bhi creidsinn gu bheil na ceistean do-fhuasgailte, ach cha chum so e gun an cur. Gheibh e mach gu bheil coslas foilleil; nach ’eil nithean mar a chithear iad; gu bheil fianuis na sùl mealltach; gu’m feumar amharc an cridhe nithean cho maith ri cridhe an duine mu’n ruigear air firinn. Gheibh thu a leithid so de neach a’ feoraich, ann an spiorad tur-dhealaichte o’n spiorad anns an d’fheoraich Pilat o shean, “Ciod e firinn,” no, “A’ bheil e comasach do dhuine ruigheachd air firinn.” Is cnuic iad so a tha gun teagamh fada uainn; ach is cnuic iad a mheall, le’n guirmead, na h-inntinnean a bu mhisneachaile ’s a bu tréine de’n chinne-dhaonna anns gach linn. Tha ’n cunntas a tha againn air fein-fhiosrachadh nan gaisgeach so ro luachmhor dhuinn,—co-dhiu thuit iad anns an dìreadh, mar thachair do’n mhoran; no co-dhiu rainig iad aon de na mullaichean far am faicear seallaidhean ’s an cluinnear guthan nach tuig an Saoghal, ’s a sheall iad, le suil na h-iolaire, air firinn aghaidh ri aghaidh,—ni a b’e cuibhrionn glòrmhor aon no dhà. Cha ’n ’eil neach a dh’ imich air an t-slighe so, co-dhiu a dh’ fhailnich e air an turus, no rainig e, le mor shaothair, a cheann-uighe, nach robh na b’irisle ’s na bu stòlda, co-dhiu bha no nach robh e na bu ghlice. Ma ruigeas tu inbheachd “Gaisgeach” Dhughaill Buchannain, ’s gu’n seall thu air an t-Saoghal ’s air a luchd-aiteachaidh mar sheall esan, saoilidh mi nach e aighir no sùgradh is trice bhitheas air d’aire: “Mar tholman ùire faic an Saoghal ’Us daoin’ mar sheangain air mu’n cuairt; “A null ’s a nall gun fhois gun tàmh, A’ cruinneachadh ás gach àit’ do’n cist’, Gu lionmhor marcachd thar a’ chéil’, ’S a’ trod gu géur mu bhioran brist’.” Nach ’eil e fior, ann an tomhas mor, mu na daoine a b’airde buaidhean, a b’ fharsuinge eolas, ’s a bu doimhne fiosrachadh, gu’n robh am beatha foluichte o’n t-Saoghal? Chunnacas, ma dh’fhaodte, uair no dhà, ann an Eachdraidh an t-Saoghail, leithid priomh Bhard Shasuinn, aon a dh’fhaodteadh a ghabhail mar mhac-samhuil air inntinn an duine, anns gach linn, anns gach cearn, ’s anns gach gléus; ach gu bhi gabhail fior righrean a’ chinne-dhaonna thar cheann, ’s ann aonaranach a bha ’m beatha, agus is ann cianail a bha ’n smuain. Gun toibheum nach faodteadh a radh mu’n timchioll ged bha iad anns an t-Saoghal, nach b’airidh an Saoghal orra, agus nach b’ann de’n t-Saoghal iad. Tha ar Bardachd fein ag innseadh dhuinn gu’n do chaith Oscar òg an oidhche mu’n do chuir e ’cheud bhlàr, a reir cleachduin a’ Shluaigh, ann an co-luadar diomhair ri spioraid Aithrichean. A’ charaid, bha creidimh ar Sinnsearan diomhain, meallta; ach, anns a’ cheum so, bha ’n cleachduin ionmholta. Cha robh gairdean Oscair na bu laige an la’r-na-mhaireach; agus bha mhisneach na b’airde ’s inntinn na bu shoilleire, na ged chuireadh e seachad an oidhche ann an cuideachd fhaoin no ’n a chodal. Feudaidh thu bhi cinnteach, air [TD 325] meud do neirt no air airde do bhuaidhean, nach dean thusa gniomh a choisneas urram dhuit rè do bheatha no cliu bhuan an deigh do bhàis, gun iomadh oidhche ’chur seachad ann an co-luadar diomhair ri d’ Spiorad fein. O chionn beagan bhliadhnachan thug Iompaire na Frainge leis aon mhac—balachan òg, maoth—air ceann an airm, dh’fheuch an cuidicheadh e spiorad gaisgeil a chuid shaighdearan a neartachadh, ’s an tuil mhillteach bha bagradh an duthaich a sgrios a thionndadh a thaobh; agus, air an fhaiche, an deigh a’ bhlàir, sgriobh e g’a mhnaoi, anns a chainnt spagluinnich a tha ’n Sluagh sin ro thric a’ cleachdadh, gu’n d’fhuair a mac a nis “a bhaisteadh le teine.” Bheir an sgeul bheag a’d’ chuimhne Oisean ’s a mhac òg Oscar a’ dol a sheasamh còir Chathlin Chluaidh; agus saoilidh mi gu’n aidichear, ann an cuid de nithean, nach ann na’s fearr a tha ’n Saoghal a’ dol mar tha na linntean a’ ruith. Tha e fior, ma ta, gu bheil na inntinnean is airde buailteach do bhi rannsachadh nan ceistean cudthromach, dorcha a tha cuairteachadh beatha an duine; agus tha e cho fior gu’n toir an t-saothair car dubhach, smalanach do’n inntinn. Ach ged gheibhear an spiorad dubhach so gu cumanta ’n ar measg-ne; agus ged tha e, air aon taobh co-dhiu, ann an dlù dhaimh ri buaidhean àrd ’s ri inntinn fharsuing, cha’n ’eil mi cho earbsach gu’m feum e bhi ’n comhnuidh fior, far am faighear an dara aon gu’m faighear an t-aon eile. Buinidh smalan, dubhachas, ’us bròn do’n fhaireachduin, na’s mo na do’n tuigse; agus is ann do bhrigh so a tha a gu’m faighear gu tric an aon sluagh comharraichte airson a bhi nochdadh faireachduinean calg-dhireach an aghaidh a’ cheile. Am fear is goirte ghuileas an diugh, is dòcha gur e ’s airde-ghàireas am maireach. Tha sunnd ’us mulad, aighear ’us bròn dealaichte gun teagamh; ach is faireachduinean iad uile, agus tha ’n àite fein aca ann an nàdur ioma-chruthach an duine. Tha litreachas ar Sluaigh na’s baigheile ri caoidh na tha i ri gàire, ach dearbhaidh ar caithe-beatha gu bheil an dà chèird air ar laimh gu h-ealanta; agus dearbhaidh ar caithe-beatha ’s ar litreachas gu bheil sinn ’n ar n-iochdarain thoileach do riaghladh na faireachduin. An uair a gheibh thu faireachduin gheur co-cheangailte ri buaidhean inntinn àrd, tha agad an eisempleir is urramaiche air nadur an duine; agus, mar thuirt mi cheana, tha smuaintean a leithid so de neach an uair is airde iad, dubhach, trom. Ach tha faireachduin sgarte’ bho chiall neo-chinnteach, buaireasach; mar tha tuigse sgarte’ bho fhaireachduin fuar, gruamach. Tha mi meas gu bheil cumhachd nach bu chòir aig faireachduin thairis oirnne an Gaidhealtachd na h-Alba; agus gu sonruichte tha mi meas gu’n d’thug sinn ’n ar Bardachd sinn fein suas tuillidh ’s a chòir do bhròn ’s do mhulad. “Is fearr dol do thigh a’ bhròin na do thigh na cuirme,”—fior, ro fhior gun teagamh; ach nach dubhaìrt a’ cheart Searmonaiche, “Aig gach ni tha tràth, agus àm aig gach rùn fuidh nèamh…àm gu gul, agus àm gu gàire.” Ann an Ur-sgeul a tha gu maith siubhlach air feadh Bhreatuinn o chionn bliadhna no dhà (The Princess of Thule) tha seann Righ Bhorbha a’ labhairt mar so mu ’luchd-duthcha ’s mu ’m Bardachd: “Tha ’n Sluagh an comhnuidh ag amharc ri saoghal cianail a tha rompa, no sealltainn air an ais air saoghal cianail a chaidh seachad. An ainm an Aigh! nach ’eil againn ri sealltainn oirnn fein? Tha ’n là [TD 326] diugh na’s fearr na là a thig no thainig; do bhrigh gur e ’n diugh e, ’s gur leinne e. Agus na cluinneam an corr de orain a bhitheas ri caoidh, ’s ri mulad, ’s ri bròn.” Cha bu mhaith leam gu’m biodh uiread meas aig an leughadair air beachdan Righ Bhorbha ’s a tha aig an Righ fein. Saoilidh mi nach mor nach ionann do’n teagasg so agus do theagasg air an robh Saoghal eòlach o chionn iomadh linn, “Itheamaid agus òlamaid, oir am màireach gheibh sinn bàs,”—teagasg, ma dh’fhaodte, aig a’ bheil tuillidh ’s a choir de chumhachd thairis air ar cleachduin, cia air bith cho danarra ’s a sheasas an inntinn a mach ’n a aghaidh. Ach co-dhiu dh’ aontaicheas sinn le cunntas MhicCoinnich mu’n ghalar, no co-dhiu dh’ aidicheas sinn gur leigheas cumhaidh an leigheas a dh’orduich esan, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil failinn ’n ar litreachas, agus nach e dleasdanas gach aon againn ar dichioll a dheanamh air son an fhailinn a shlanachadh. ’S e cron ar Bardachd, tha mi meas, gu bheil na h-uiread dh’i beathachadh ar faireachduinean a mhain, agus cho beag dh’i a’ sàsuchadh an reusain. ’S e na faireachduinean is measaile a bhuineas duinn a tha ar n-òrain a’ riarachadh, agus uime sin cha leigheas cungaidh Righ Bhorbha—òrain shunndach an àite òrain thiamhaidh. Ach cha ’n ann ’n ar n-òrain a mhain a tha ’n galar air sgaoileadh. A chur an ceill ar faireachduinean tha ar focail, ar samhluidhean, ar doigh-chainnt, ar Sgeulachdan, ’s ar Bardachd fior chumhachdach. Ach a mach o’r Sean-fhocail, agus o Bhardachd Oisean, cha ’n fhaighear a bheag ’n ar litreachas Ghaidhealaich a thoilicheas an reusan, an inntinn, an tuigse. C’arson a bhitheadh a’ chuis mar so? C’arson a chluinneas tu gach oraidiche a labhairt le aon rùn an Gaidhlig ’s le rùn eile ’s a’ Bheurla? Rach do Choinneamh Ghaidhealaich, agus nach fairich thu gur e crioch araid an fhir-labhairt, ’s a’ Bheurla, fiosrachadh a thoirt dhuit;—’s a’ Ghaidhlig, do chur a chaoineadh no ghaireachdaich. “An uair a bha mi a’m’ leanaban,” ars’ an t-Abstol Pòl, “labhair mi mar leanaban, thuig mi mar leanaban, reusonaich mi mar leanaban; ach air fàs domh a’m’ dhuine, chuir mi na nithe leanabaidh air cùl.” ’N ar latha-ne, is duilich gur fior, tha moran de leanabas ri fhaotainn ’n ar measg. Tha sinn na’s cleachdta ri bhi air ar breugadh—focal aig a’ bheil a naigheachd fein—mar leanabain, na air ar teagasg mar dhaoine. Ciod an leigheas air a’ghalar so? Their aon de ’r Sean-fhocail, “’S e geinn dheth féin a sgoilteas an darach”; agus chuala sinn gu leir iomradh air seol leigheis a bha o chionn beagan bhliadhnachan miaghail aig Lighichean—homœopathy—a bhi togail anns a’ chorp, le cungaidhean freagarrach, faireachduinean de ’n aon ghnè ris a’ ghalar. Cia b ’e cho buadh’or ’s a bhiodh na seoltan so air sgoltadh fiodha ’s air slanuchadh a’ chuirp, cha ’n ’eil mi cho earbsach asda airson ar litreachas a leasachadh. Na ’m biodh Punch againn ’s a’ Ghaidhlig, sgiursamaid no smàdamaid an eucail a mach as ar measg. Ma ghabhas tu os laimh do choimhearsnach a theagasg, na dearmad fhaireachduin a riarachadh; ach gu’m b’e do rùn a thuigse a shasuchadh. Mur ’eil tuigse ’s seoltachd air a’ stiùir, theid an long, air a feabhas, a mhaslachadh le gaoith ’s le fairge; ach ma tha, ’s aluinn an sealladh a’ faicinn “a’ marcachd ’s an t-sìne” gu uaibhreach. “Is olc do’n luing an uair a dh’eigheas an stiùireadair”; is seachd miosa dh’i ma tha e aineolach air a shlighe no ’n a chodal. D. M‘K. [TD 327] NA SRUTHAIN. “Eighidh na broin bheaga, tha na mor bhroin balbh.” A shruthain, a shruthain an aonaich, Ag greasad fo aomadh nam fras; A’ froiseadh feadh phronnlach an aodainn ’S a’ taomadh na d’ chaol-shruthain ghlas; Mar ’s taine bho d’ iochdar gu d’ uachdar, Mar sin ’s ann is fuaimear do ghuth; ’S ’n uair nach tog am mòr shruthan luathghair, Cuiridh ’n fhaoin-fhras ard ghleadhraich na d’ shruth. Nach minig a chì sinn mu’n cuairt duinn, Cuid tha gluasad mar chàch anns gach ni, Gus ’n tachair do thrioblaid am bualadh; ’S an sin chithear buaidhean an cridh’, O, togaidh iad àrd an guth fuaimneach, Bithidh caoidhrean na truaigh’ ac’ nach faoin, An duil gu’n gabh daoine mòr-thruas diubh— Cha d’ ionnsuich iad falamhachd dhaoin.’ Ach ’alltain, O, ’alltain nan lòintean, Cha chualas riamh mòr fhuaim bho’ d’ ghuth; ’S ge domhain, ’s ge dorch thu ’s a’ chòmhnard Seasaidh caol-luibhean uaine na d’ shruth: ’S ged sguabas mu ’n cuairt ort na frasan; ’S beag dh’ aithnichear ortsa de ’m buaidh, Ach thu gluasad beagan na ’s braise, ’S a’ plosgail na’s truime ri d’ bhruaich. Nis, thusa tha duineil ’n uair chuireas Mor thrioblaid no deuchainn ort gruaim, Cha chluinnear le mòran do thuireadh; Ach mùchar an searbhadas cruaidh; Oir mulad beag falamh a’ ghearain, Is gearr gus an gabh e air falbh: ’S e fior bhròn, bròn ’s trice ’tha maireann ’S mar shruthan an lòin tha e balbh. MAC-OIDHCHE. IONRAIC MAC-AILEIN. CAIB I. 1. Ainm agus cinneach Ionraic. 4. Na trioblaidean a thàinig air. 7. An ceard-umha agus a mhi-chreideamh. 12. Urnuigh an duine bhochd. 16. An ceard-umha a’ tachairt ri Ionraic. 1. Agus bha duine ann d’am b’ainm Ionraic Mac-Ailein, do thréubh nan Gaidheal, á baile a’ Chamloch, ann an criochaibh na Gaidhealtachd, agus ann an siar-shraithibh na dùthcha. 2. Agus tharladh gu’n robh Ionraic ’na dhuine glic agus fòghluimte, ach trid freasdail an Tighearna thàinig àmhghar agus bròn ’na char, ghearradh as a theaghlach gu léir, thainig am bàs gu h-obunn air a mhnaoi, agus air a chuid mhac agus nighean, agus bhuaileadh e fein le laigsinn agus tinneas. 3. Bha Ionraic gu trom air a chlaoidh, gidheadh, cha do thréig e Dia aithriche. Bha fios aige gu’n robh an Tì a’s Airde a’ deanamh nithe mòra nach comas rànnsachadh a mach, agus nithe miorbhuileach nach gabh àireamh a thaobh an lionmhorachd. 4. Ach mu dheireadh dh’ fhàs trioblaidean an duine bhochd so tuille’s searbh; bha e sàruichte air uachdar an talmhainn, agus bha ’anam sgìth da bheatha. 5. Gidheadh, cha do dhi-chùimhnich e Ti Naomh Israeil, oir thubhairt e gu’m bheil neart agus gliocas aig an Tighearna, agus gu’m bheil tròcair agus gràdh air am foillseachadh ’na uile ghniomharaibh. 6. Air do’n duine àmhgharach so a bhi air a chromadh le h-aois, agus air a leònadh le bochduinn b’ éigin da mu dheireadh an Camloch fhàgail chum dol a dh’ iarraidh na deirce. 7. Air là de na laithibh sheas e aig dorus tighe duine a bha ro shaibhir, ceard-umha àraidh a charn suas mòran beartais, agus aig an robh mòr-aitreibh, féudail, agus séilbh de gach gnè. 8. Chuir Ionraic fàilt air a’ cheard-umha, agus bheannaich se e. 9. Ach thionndaidh an ceard ris an duine aosda, agus thubhairt e gu fiadhuich, feargach ris, Ciod e do ghnothuch-sa an so, a bhodaich thruaillidh, shalaich, thoir do chasan [TD 328] as, oir mur siubhail thu air ball, cuiridh mi na coin so ’nad dhéigh. 10. Dean foighidinn, a dhuin’-uasail, a deir Ionraic, dean foighidinn agus éisd rium. Chuir àmhghar agus sean aois á obair mi; tha mi, uime sin, a nis ’gam thilgeadh fein air Freasdal Dé, agus air càirdeas dhaoine truacanta, agus cha’n eagal domh. 11. Freasdal De! an e a thubhairt thu? Cha’n ’eil mi ’creidsinn ann an Dia, no ann am Freasdal no ann an Slànuighear, oir is nithe sin leis am bheil sluagh glic air am mealladh, agus sluagh ionraic air an dalladh, agus air an truailleadh. Uime sin, bi falbh agus na cuir dragh orm. 12. Dh’ fhalbh an duine bochd gu tròm air a leònadh ’na spiorad, agus thubhairt e ris a’ cheard-umha, Beannachd leat, agus gu’n deanadh Dia trocair air t-anam. Chróm e sios air a ghlùinibh aig bun craoibhe dlùth air an dorus, agus chuir e suas an ùrnuigh so, ag ràdh, O! Dhé ghlòirmhoir, tha mi ’toirt buidheachais duit air son lionmhorachd do chaoimhneasan gràdhach, agus tha mi’ guidhe ort cuimhne a bhi agad air an duine thruagh so, ged a rinn e tarcuis air do bhith agus do fhreasdal. 13. A Dhé, thoir maitheanas da, oir cha’n ’eil fios aige ciod a ta e ag ràdh no ’deanamh. 14. Mar so chaidh na cùisean rè tamuill seachad, ach bha na focail “A Dhé, thoir maitheanas da, oir cha’n ’eil fios aige ciod a ta e ag ràdh no ’deanamh,” a’ fuaim gu’n sgur a là agus a dh’ òidhche ann an cluasaibh an duine shaibhir, agus cha robh airgiod no òr a’ toirt sùaimhneis da; oir bha e do ghnàth ann am mòr thrioblaid inntinn. 15. Deich laithean an déigh sin dh’ ullaich e a charbad chum gnothuichean a dheanamh ’sa bhaile mhòr, agus ghabh e an t-slighe. 16. Mar mhìle do’n bhaile rug e air an t-seann duine air an rathad mhòr, agus air da ’fhaicinn, chaidh e gu searbh air chrith. 17. Léum e sios o’n charbad, agus rug e air làimh air an duine bhochd, gidheadh cha d’ aithnich ’se e, ach thubhairt e ris. A dhuine bhochd, tha mo chridhe brònach o’n uair a dhealaich thu rium agus rè na h-ùine o sin tha mi air mo chlaoidh le ciont agus eagal. 18. An sin dh’ fheòraich an duine bochd dheth, a’m fac mise riamh roimh thu, agus ma chunnaic, ciod a rinn mi ort, no ’nad aghaidh, chum gu’m buailteadh thu le ciont agus eagal? 19. Rinn thu nithe cudthromach d’ am’ thaobh-sa, air son am bi aoibhneas orm uile laithean mo bheatha. 20. Air do dh’ Ionraic sin a chluinntinn, a deir e, O cheann beagan làithean air ais, bha mi ocrach, agus ghairm mi aig dorus duine saibhir. Air da m’ fhaicinn bha corruich air, agus chuir e air falbh mi, ag innseadh dhomh nach robh e a’ creidsinn aon chuid ann an Dia, no ’na fhreasdal, agus chuir mi ùrnuigh suas ris an Ti Bheannaichte as a leth. 21. Stad, stad, a charaid ionmhuinn, is mise an duine! Is mise an creutair truagh sin a thubhairt riut nach robh mi a’ creidsinn ann an Dia; ’s eadh, is mise am peacach graineil ud nach d’ thug aoidheachd dhuit, ach a ghreas air falbh thu! 22. Is mise a chual t-ùrnuigh-sa ris an Tighearna, ag ràdh, “A Dhé, thoir maitheanas da, oir cha’n ’eil fios aige ciod a ta e ag ràdh no ’deanamh.” 23. Chaidh na briathra sin mar shaigheid ghéur a steach do m’ chridhe, agus lot iad le cumhachd an Spioraid an cridhe cruaidh, cealgach sin. [TD 329] 24. Thig-sa a steach maille rium do’n charbad, agus pillidh sinn dh’ ionnsuidh mo thighe-sa. 25. Thug an ceard-umha Ionraic Mac-Ailein leis dhachaidh, agus cha do dhealaich e ris tuilleadh. Bha iad beò cuideachd re aireimh bhliadhnuichean, agus mu dheireadh chuireadh sìnte taobh ri taobh iad ’san tigh chumhann sin a dh’òrduicheadh do gach uile bheò. CAIB II. 1. Agus thàrladh air aon de na làithibh sin, gu’n deachaidh Tearlach Mac Alasdair a mach, agus gu’n robh e a’ sràid-imeachd air a’ chòmhnard aig cois na beinne. 2. Agus bha Tearlach ’na dhuine truacanta agus ionraic, air an robh eagal an Ti a’s Airde, agus bha e a’ beachd-smuaineachadh air diomhanasaibh an t-saoghail, agus air gach mealladh-dochais agus trioblaid d’am bheil mac an duine buailteach. 3. An uair a bha e a’ beachd-smuaineachadh mar so gu dùrachdach ’na chridhe fein ann an ciùineas an fheasgair, chuireadh fàilt air le Alasdair Mac Thearlaich a choimhearsnach fein. 4. Agus thubhairt e ris, Cha robh dùil sam bith agam, a Thearlaich, do chomhlachadh mar so ann an cromadh an anmoich, agus gu h-araidh ’san ionad aonaranach so, ach is sòlas leam d’fhaicinn ann an slàinte. 5. A nis bha seilbh-fhearainn aig gach aon fa leth dhe’n dithis dhaoine so, oir bha Tearlach Mac Alasdair ’sa Bhaile-mhór, agus Alasdair Mac Thearlaich ’sa Bhaile-bheag. Bha gidheadh gabhail mhór fhearainn eatorra, d’am b’ainm am Baile-meadhonach, a bha air mhàl aig Tomas Mac an Fhleisteir, àrd-righlair na h-ighreachd, agus aon de luchd-ceartais na dùthcha. 6. Agus bha Tomas ’na dhuine mòr. Bha e mòr ’na bheachd fein a thaobh uaill agus faoineachd a chridhe, agus bha e mòr ann am beachd muinntir eile, a thaobh a dhréuchd agus a chumhachd thairis air an oighreachd. 7. Ach cha robh mòrachd Fir Bhaile-mheadhonaich chum a leas fein. Bha e teachd beò ann am mòr-ghreadhnachas, agus cha robh a ghiùlan idir ionraic, no taitneach ann an suilibh nan daoine glice. 8. Dh’ ullaich e dha fein carbaid ghreadhnach, agus eich mheanmnach, agus bha e urramach ann an siùilibh an t-sluaigh sin thairis air an robh smachd aige ’na dhréuchd. 9. Agus aig toiseach na bliadhna chuir e gairm a mach do na h-uile aig an robh airgiod ’nan làimh, gu’n robh esan deas gu ghabhail, agus deonach air riadh ni’s àirde a thabhairt air a shon na gheibhteadh ann an àite sam bith eile. 10. Chualas an gairm, agus bhrùchd na ficheadan dh’ ionnsuidh Thomais, agus chàruich iad ’na làimh an cuid dhe n’ t-saoghal. 11. Agus tharladh air là àraidh gu’n d’ thainig Tomas ann an carbad chaigeann each do’n bhaile mhór, agus chuir e failt air Tearlach Mac-Alasdair. 12. Agus air dha teachd a nuas as a’ charbad, labhair e ag radh, Gu deimhin, deimhin a deiream riut, a Thearlaich, is sona do dhuine comas agus toil a bhi aige furtachd a dheanamh air a choimhearsnach ann an uair na h-eiginn, agus gniomh trocaireach a nochdadh dha. 13. Is e dleas’nas nan uile, a deir Tearlach, a bhi truacanta, teò-chridheach, agus iochdmhor a réir an cumhachd. 14. Agus fhreagair Thomas, agus thubhairt e, Tha dòchas agam gu’n dean thu gniomh caraid d’am thaobh-sa an duigh, agus gu’n nochd thu gu’m bheil meas agad orm. Ma ni thu sin, cha sgaoilear ach leis a’ [TD 330] bhàs an dàimh-chairdeas a cho’-sheasas eadar thusa agus mise rè uile làithean ar beatha. 15. Dh’fhan Tearlach ré tamuill ’na thosd, ach a ris, thog e suas a shùilean, agus thubhairt e, a’ Charaid, ciod is gnothuch dhuit, agus ma tha e ’nam chomas nithear e? 16. Thionndaidh Tomas ris le h-aghaidh chiùin, agus le sùilibh tlà, agus a deir e, Tha airgiod gu cabhagach a dhith orm, uime sin rach an urras orm ann an cuig cèud. 17. Gu h-amaideach air a shon-fein, dheònaich Tearlach, rinneadh an gniomh, agus dh’fhalbh Fear a’ Bhaile-Mheadhonaich le mile taing air a bhilibh. 18. Leum e ’na charbad, agus ann an ùine gheàrr stad e aig dorus Alasdair Mhic Thearlaich ’sa Bhaile Bheag, agus air ball thàinig Alasdair a mach a chur fàilt air. 19. Agus fhreagair Tomas, agus thubhairt e, Tha dòchas agam gu’n dean thu gniomh caraid d’am thaobh-sa an diugh, agus gu’n nochd thu gu’m bheil meas agad orm. Ma ni thu sin, cha sgaoilear ach leis a’ bhàs an dàimh-chairdeas a cho’-sheasas eadar thusa agus mise, re uile làithean ar beatha. 20. Dh’ fhan Alasdair rè tamuill ’na thosd, ach a rìs thog e suas a shùilean, agus thubhairt e, A Charaid, ciod is gnothuch dhuit, agus ma tha e ’nam chomas nithear e? 21. Thionndaidh Tomas ris le h-aghaidh chiùin, agus le sùilibh tlà, agus a deir e, Tha airgiod gu cabhagach a dhìth orm, rach an urras orm ann an cuig ceud. 22. Cha’n ’eil a mhiann orm mo chuid agus mo charaid a chall còmhladh, a Thomais, cha dean mi idir e. 23. Dh’ fhalbh Tomas le feirg a’ lasadh ’na ghnùis, agus gu’n teagamh le bhi ’guidheadh mhallachd ’na chridhe an aghaidh a’ choimhearsnaich a dhiùlt co h-obunn e an aghaidh a dhòchais. 24. Ann am beagan sheachdain an déigh sin, thugadh thairis an stiùbhard eucorach so do’n bhreitheamh, agus thug am breitheamh e do’n mhaor, agus thilg am maor am priosan e. Reiceadh na bh’aige; chaill e a’ stiùbhartachd, bha e air a mhaslachadh ’san tìr; cha b’ urrainn da ruamhar a dheanamh; bu nàr leis deirc iarraidh, agus bha mallachadh ’nam bochd ’na lorg. 25. Agus tharladh, gu’n do chaill Fear a’ Bhaile-Mhòir a choig céud, ach le dichill agus foighidinn fhuair e a chuid a’s fhearr air: Rinneadh leis an uachdaran e ’na stiubhard ann an àite Thomais Mhic an Fhleisteir, agus choimhlion e a dhreuchd le treibhdhireas agus deagh-chliù. Choisinn e deagh-ghean gach àrd agus iosal air an oighreachd. 26. Thugadh an eachdraidh so earail do na h-uile, gu sònraichte dhoibhsan a ta toiseachadh air gnothuichibh an t-saoghail. Cuimhnicheadh iad gu’n dubhairt an diuine glic, gu’m bi esan a dh’ fhuathaicheas luchd-urrais tearuinte. SGIATHANACH. SGIALACHD ÆNEAIS LE VIRGIL. Eadar-theangaichte o’ n Laidinn gu Gailig le D. B. B. (Air a leantuinn.) Do’n teampull thugadh iad a steach A’s thugadh cead gu labhairt doibh: ’N sin thòisich Ilioneus mòr Le inntinn stòlda ri cainnt; “O Bhan-righ d’an do dheònaich Iòbh Am baile mòr so thogail ùr A’s cinnich uaibhreach thoirt gu géill Do laghannaibh a réir do rùin. Is Tròidhich bhochd sinn air ar claoidh A dh’ iomaineadh le gaoith nan cuan Ag iarraidh fàbhoir; cum air falbh An lasair dhearg o’r longaibh luath; Coigil an sluagh crabhach caoin, Amhairc gu caomh air ar teinn, Cha d’ thainig sinn a chreach na dùthch’, [TD 331] A chruinneachadh na spùill gu tràigh; Cha tig dhuinn ainneart agus uaill, Oir thugadh buaidh oirnn leis an nàmh. Tha àite cian ’s a’ chuan ud thall, Hesperia an cainnt nan Greug, Seann tir, cumhachdach an airm, ’S i torrach tarbhach mar an ceudn’. Na h-Oinoitrich ghabh tàmh an sin; Tha ’n t-iomradh a nis as ùr Gu’n d’fhuair e ’n Eàdailte mar ainm Bho’n ainm a bh’ air righ na dùch’. Do’n ionad sin bha sinne triall Nuair dh’ éirich Orion doirbh Le doininn obuinn, shéid e sinn Air tanalachaibh séitreach cruaidh Sgap e sinn air cuan nan tonn Feadh chreagan cunnartach ro thiugh ’S an saile ’g ar fliuchadh trom. Is buidheann thearc sinn aig an àm, Thainig sinn air snàmh gu tràigh. Ach ciod a ghne dhaoin’ tha ’n so An dùthaich chrosda so gun bhàigh? A cheadaich an cleachdadh gnù A dhiult dhuinn an cladach lom? Ghairm iad cogadh ruinn mar tha Thoirmeasg cas air tràigh no fonn. Ma ni sibh tair air clann nan daoin’ ’S air airm gach aon neach a ta beò, Earbaibh gu’n cuimhnich na dé Ciod è eucoir agus còir. Bha againn Æneas mar righ Cha robh aon cho fior ris féin A thoirt a dhlighe do gach neach ’S a choilionadh reachd nan dé Cha robh neach a thigeadh suas Ris-san an cruadal nan arm Cha robh neach ’s an domhan mhòr Cho colach air cogadh searbh. Ma ghleidheadh e fathast beò A’ beathachadh air deò nan speur, Mur deach’ e cheana sios a thàmh Le sgaileachaibh dubh an Eig: Cha’n eagal gur h-aithreach leat Thu nochdadh dhuinn iochd as truais, Ged robh ’n toiseach agad fein An gniomharan mèinneil suairc. Thall an Sichili nan loach Tha bailtean agus raointean glas, Fo riaghladh Achesteis mhoir; ’S ann de shliochd na Tròidh am flath, Ceadaich gu’n toir sinn gu tir Ar longan a mhill an cuan, Gun tagh sinn sailthean as do choill ’S gu’n cairich sinn na ràimh gu luath. Ma dheònaichear dhuinn fadheòidh Do’n Eadailt gun seòl sinn a ris, Gu h-aoibhinn ruigidh sinn an t-ait ’N uair gheobh sinn ar càirdean ’s ar Righ. Ach ma chaill sinn ar ceann iùil, Ma dh’ adhlaiceadh an grùnnd a’ chuain, Thusa, dheagh athair na Tròidh, A’s oirdhearc ann am measg an t-sluaigh, Ma chaidh gach dòchas air chùl Gu’m faicear leinn Iulus caomh, Pillidh sinn air ar n-ais cia dhiù Gu Eilein nan lùb ’s nan caol. An t-ait a dh’ ullaicheadh dhuinn thall Bho’n d’ thainig sinn a nall an tràs; Ruigidh sinn Achestes còir A’s ni sinn còmhnuidh leis gu bràth.” So labhair Ilioneus treun, Chomh-aontaich càch gu leir le chainnt. Fhreagair Dido ’m briathraibh geàrr ’S i ’g amharc ris an làr gu mald’, “Na gabhaibh geilt, a chlann na Tròidh, A’s cùram na biodh oirbh ’s an uair; ’S e fàth nan nithean ud ’s an am Mo rioghachd fhann us m’ fhortan cruaidh. Shuidhich mi luchd-faire cuain Fada bhuam us faisg air làimh. Co nach cuala sgeul na Tròidh, Sluagh Æneais mhòir, an sàr? A gaisgich, us feartan a h-airm? Losgadh garbh a’ chogaidh mhòir, Cridhe nam Puinneach cha’n ’eil cruaidh Gun mhothachadh, gun truas gu leòir. Cha’n ’eil sinn cho fad o’n ghréin ’S nach d’ thainig sgeul a chum ar cluas. Hesperia ma’s roghainn leat, Duthaich Shathurna nam buadh; No ma’s àill leat dol air d’ ais Gu Achestes righ na féil’, Cuidichidh mi leat gu pailt Le m’ ionmhasaibh beartach féin, Ach ma’s fearr leat tàmh an so ’S gu’n toilich thu fuireach leam, Am bail’ a thog mi, ’s leibhse fòs Gu còmhnuidh a tha ’n tràs air chuan Tàirngnibh gu luath gu tir, Cha chuir mi dealachadh nas mò Eadar muinntir Thròidh us Thiorr. O nach robh Æneas féin Air éigneachadh le gaoith á deas, ’S gu’m buaileadh leath’ e chum na tir. Ach cuiridh mise daoin’ air leth A rannsaicheas air feadh gach àit, A’s bheir mi àithne dhoibh gu teann Gu’n sir iad gach baile ’s gach coill ’S am faod e dol air chall ’s an am.” Ghabh misneach bho na briathraibh tlà Æneas as Achates treun: Mhiannaich iad an sin gu mòr An earradh ceò chur as a chéul. Labhair Achates air tùs Ri Æneas ciùin mar so, “A mhic na bain-de ciod an smuain A dh’ éirich suas ad chridhe goirt? Faic do chàirdean uile slàn. Do chabhlach teàruinte ’s gach ni, Tha aon air chall a chaidh ’s a’ mhuir A chunnaic sinn ’g a slugadh sios. Ach thachair gach ni do chàch Mar dh’ innis do mhàthair chaomh.” ’N uair labhair e sgoilt an neul [TD 332] A’s chaidh e gu léir fa sgaoil. ’N sin sheas Æneas le loinn Ga dealrach an soills’ an là, Bha iomhaigh nan dé ’n a shuil, ’N a ghnuis, us ’n a ghuailnibh àigh, Chuir Venus falt aluinn grinn Air mullach a chinn g’ a chùl, Ruiteag na h-òige ’n a ghruaidh A’s dealradh suairce ’n a shuil. Mar ibhori ’n làimh fir-ceaird Liobhta, peàrsach mar bu chòir: No airgiod, no marmor cruaidh, ’N uair chuairtichear e le h-òr. Labhair e mar so gun dàil Ris a’ bhànrigh’nn gu ro chiùin, Bhuail iongantas gach neach a bh’ ann Cho luath ’s a sheall iad air le’n sùil. “Mise air am bheil thu ’n geall, Tha mi ’n so ’s an àm air lom, Æneas bho Throidh gun fheall A shaoradh bho ainnneart nan tonn. Is tusa ’n t-aon neach a ghabh truas Ri trioblaidibh cruaidh na Tròidh. Ghabh thu sinn ad bhaile steach Do d’ thighibh ro mhaiseach mòr, Is fuigheall sinn chaidh as bho’n Ghréig A dh’ fhuiling amhghar geur us bròn. Air muir ’s air tir air ar claoidh, A dh’ uireasbhuidh gach ni, gun stòr. Cha’n ’eil e ann am chomas fein, No neach fo’n ghréin de chinneach Thròidh, Na phaigheas tu, no bheir dhuit taing Air son do chaoimhneis mar is coir, Gu’n deònaicheadh na dé dhuit duais, (Ma tha diathan shuas air nèamh A ghabhas spéis de dhaoin còir. A nochdas trocair ri am feum, Ma tha ceartas idir ann A bhos no thall an àit fo’n ghréin, A’s inntinn ’g am bheil cogais ghlan. Co-fhiosrach gur ceart i fein.) Ciod i linn òirdhearc an àigh ’S an d’ thainig thu mach air tos? Co iad na pàrantan gràidh A dh’ àraich thu ’n uair bha thu òg? Cho fad ’s a ruitheas aibhne luath A sios do’n chuan air srath nan gleann, Cho fad ‘s a theid dubhar mu’n cuairt Air mullaichibh nan cruach ’s nam beann Cho fad ’s a bhios rionnag ’s an spéir: Bidh cuimhn’ agam féin air d’ ainn, Do chliu, us d’ onoir feadh gach linn, Ge b’e tir gu’n teid mo ghairm.” Labhair e us ghlac gun dàil Ilioneus ’n a laimh dheis Ghlac Serghestes ’n a laimh chli ’Gam fàilteachadh le sith us meas, Dh’ fhailtich e càch an sin gu léir Gach fear a réir a chliu ’s a mhaoin; Gyas us claonthus calm Bu ghaisgich ainmeil iad araon. Ghabh Dido iongantas air tùs ’N uair chunnaic i gnùis an tréin, Ghabh iongantas a ris ri chùis, A’s labhair i gu ciuin ris féin: “Cruaidh-fhortan nam mile teinn A mhic na bain-dé lean riut riabh: Cia ’n cumhachd gun iochd gun bhàigh A dh’ iomain thu gu tràigh cho fiat? An tusa Æneas treun mòr, Rug Venus a b’òrbhuidh’ ciabh Dh’ Anchises ainmeil na Tròidh Aig Abhainn Shimòeis chiar, Air chinnt’ is cuimhne leam fein Nuair thainig Teucher treun nan glonn Gu Sidon, ’n uair theich air falbh, Ag iarraidh dha féin sealbh air fonn Le còmhnadh Bheluis mo ghràidh, M’ athair a chuir fàs ’s an àm Eilean Chipruis, tir an àigh ’S a cheannsaich e fo làimh gu teann. Bho’n am sin is eòlach mi féin Air léirsgrios Baile na Tròidh: Air d’ ainm-sa fòs, a ghaisgich thréin A’s righribh nan Greugach còrr, Dh’ àrdaich Teucher féin gu mòr Na Tròidhich le h-iomadh cliù, A’s rinn e uaill gun robh e féin De shliochd nan treun-laoch ud bho thùs. Thigibh uime sin gun dàil A steach do m’ àros farsuinn réidh; Chaidh mise féin tre iomadh càs A’s dh’ fhuiling mi ànradh, geur. Thachair cruadal rium-sa fòs A thug orm còmhnuidh an so; Cha’n ’eil mi aineolach air truaigh, Is eòl domh fuasgladh air a’ bhochd. ’N uair labhair i thug i steach Æneas do theach na féil’, A’s dh’ orduich i iobairt gu grad ’S an teampull réir reachd nan dé Chuir i ’n sin cuibhrionn gu luath A ghios an t-sluaigh a bh’ aig an tràigh, Fichead tarbh, cóig fichead muc Le ’m muidhibh tiugh friodhanach, ard. Ceud caora lan de shaill Le ’n uain reamhra shultmhor, mhèith; Tiodhlacan feumail ’s an am, A’s fion cuis aoibhneis nan dé Ach chuireadh an sin air dòigh An lùchairt spleadhnasach a stigh, Le greadhnachas rioghail us sògh; A’s rinneadh cuirmean mòra deas. Na trusgain bha maiseach grinn De ’n phurpur bu bhoillsgich dath; Na bùird bha air an lionadh suas Le cuachaibh de ’n airgiod ghlan. Ghrabhaladh air soithichibh òir Eachdraidh mhòr an am bho shean, Euchdan a sinnsear gu léir Gach treubhantas a rinn gach fear, Æneas chuir Achates luath ’Na chabhaig gu cuan nan long, [TD 333] (cha’n fhaigheadh e fois no tàmh Leis a’ ghradh a bha ’na chom,) Chuir e fios gu Ascan òg E theachd do’n bhaile mhòr gu grad Oir uile chùram athar chaoimh Stad air Ascan gaoil, a mhac, Na seudan a thearnadh bho Thròidh Thug e òrdugh dha ’n toirt leis, An fhalluinn làn de dhealbhan òir, ’S a’ ghnùis-bhrat a b’ òrbhuidh’, dreach. Grinn eideadh Helen na Gréig A thug i bho Mhuichéine nuas Nuair chaidh i air turus a’ bhròin Gu Troidh chum pòsadh na truaigh: Thug Leda a màthair shuairc An t-earras luachmhor sìth dhi féin. Dh’ aithn e fos gun tugtadh suas Slat-shuaicheantais nam mile leug, Breas-cholbh Ilione ghrinn Nighean rioghail Phriam mhòir; Crios-muineil de neònaidean buan A’s crun de chlachaibh buaidh ’s de dh-òr. Nuair thug e an t-òrdugh so dhà Dh’ imich Achates an sonn Le cabhaig a chum na tràigh Gu chàirdibh aig caladh nan long. Ach smuainich Venus innleachd ùr, A’s dheilbh i ’n rùn so ’na com, Gu’n rachadh Cupid ann an àit An òigeir ghradhaich, Ascan donn. Gu’m mùthadh e aogus ’s a dhreach, ’S gu’n lasadh e gaol ro dhian ’S a’ bhan-righ leis na seudan àigh, Mar theine làidir ’na cliabh. Cha’n earb i ’n dream tha leat us leam, Tiorraich da-theangach na foill: Lot Iuno a h-anam g’ a chùl A’s phill a cùram leis an oidhch’, Ri dia sgiathanach nan gaol Labhair i gu caoin mar so, “O thus’, a mhic mo rùin, ’s mo neart. Mo chumhachd sam bheil feart gu lot, Is tusa mhàin, a mhic mo ghràidh, Le ’n suarrach saighdean làidir Iòbh, A d’ ionnsuidh teichidh mis an tras, Dean còmhnadh le d’ laimh, us fòir. Faic do bhráthair ionmhuinn féin Æneas ceann-feadhna dhaoin’ ’Ga luasgadh bho thonn gu tonn, Le corruich throm Iuno claoin, Is minic a bha thu fo bhròn Nuair rinn thu co-bhròn rium féin; Thug Dido aoidheachd san uair Do d’ bhrathair gu suairce sèimh. Chuir i nis ’na thurus dàil Le briathraibh tla a’s briodal cùil ’S cùis-eagail leam Iuno chruaidh ’S a fialaidheachd fhuar nach fiù. Cha bhi is’ idir ’na tàmh Aig aimsir gabhaidh mar th’ ann; Ach glacaidh mi bhan-righ le cluain ’Ga cuairteachadh le lasair theann; A chum nach caochail i a rùn Air iompaidh nan Dùileach àrd, Ach gun gradhaich i leam féin Æneas an treun gu bràth. Mar bheirear leatsa so gu crìch Eisd a’s innsidh mi gu réidh; Tha ’n t-òganach rioghail, mo rùn, M’ aighear ’s mo chùram gu léir, A’ deanamh deas gu dol a suas Gu baile mòr an t-sluaigh bho Thiorr, Air iarrtus athar a ghaoil D’ am bheil e ro chaomh gu fior; ’S a’ giùlan leis earras an àigh A thearnadh bho’n mhuir ’s bho Throidh: Cuiridh mis’ e ’n cadal sèimh O ceann Chuitéiré nan sgòrr. No ceilidh mi e ’n doire dlùth Air cùl Idalium nan craobh, Mun tuigear leis innleachd ar ceilg ’S mum mill e oirnn sealg a’ ghaoil. Gabh thus’ a riochd-san le foill Re fad aon oidhche a mhàin, Bho’n tha thu féin ad fhleasgach òg Gabh aogas am òigeir ghràidh, Ni Dido aoibhneas mor a’s uaill Nuair shuidheas tu suas air a glùn An am na cuirm aig fleadh an fhion ’S i miaghail umad le mùirn. Nuair ghlacas i thu ’na da làimh ’Sa bheir i pogan graidh dhuit fein, Las teine falaichte ’na com A’s taom do leann a stigh ’na creubh.” Thug Cupid ùmhlachd gun dàil Do bhriathran a mhathar gaoil Chuir dheth a sgiathan, ’s dh’ fhalbh le sùnnd, A’ coiseachd an riochd Iuluis chaoimh. Ach thaom Venus cadal sèimh Air Ascan ceutach na mais’, A’s thog i e suas ’na h-uchd Gu doireachaibh tiugh nam preas. Idalia nan dlù-choill àrd, Le seamragaibh àluinn fionn, ’Ga chuairteach le flùranaibh àigh: Bu taitneach an sgàil os a chionn. Mar dh’ òrduich a mhàthair dhà Chaidh Cupid gun dàil air triall, Na tiodhlacan rioghail ’na làimh. Gu luchairt na ban-righ’nn fial, B’ aoibhinn leis Achates ciùin Bhi aige ’na cheann-iùil an ròid: Nuair thàinig e shuidh Dido sios Air sorchan rioghail de ’n òr Fo cheann-bhrat uasal ro àrd De ’n phurpur a b’ àillidh sgèimh: Shuidh i ’n teis-meadhoin an t-sluaigh, ’S na h-aoidhean mu’n cuairt gu leir. Æneas, athair mòr nan slogh, A’s òigridh na Tròidh chaidh cruinn ’Nan suidhe air caithrichibh àrd ’S air uirighibh sgàrlaid grinn. Na seirbheisich fhuair gu grad [TD 334] Uisge gu glanadh nan làmh, Searadairean meineil, min, A’s aran ’na mhill ’s na cléibh. Bha caogad gruagach dhonn a stigh A’ Seasamh ’nan sreth gu rèidh, D’ am b’ obair an lòn dheanamh deas ’S a’ feitheamh air altair nan dé. Bha ceud cailin eile fòs, A’s ceud òigear de ’n aon aois, A’ cur nam miasan air na bùird, A’s shuidhich iad na cùirn ri ’n taobh. Chruinnich na Tiorraich ’nan grùnn Aig dorsaibh na lùchairt ait, Nuair dh’ aithneadh dhoibh suidhe ’nan àit Air uirighibh sgàrlaid daitht’. B’ iongantach leotha gach seud A thug Æneas doibh gu fial, Ghabh ioghnadh iad ri h-Iulus caomh; Oir bhoillsgich aogas mar dhia B’ ioghnadh eo na briathran gràidh, A cheil e fo sgàil cho math, An fhalluing lan de dhealbhan òir ’S a’ ghnuis-bhrat a b’ òrbhuidh dath, Gu h’ àraid a’ bhan-righ gun rath Thug thairis i féin do ghaol Las teine do-chasgadh ’na crìdh’ ’S i ’g amharc air le mìog-shuil chaoin. Bheachdaich i gu dur gun stad ’S a gràdh mar lasair loisgich theith, Thaitinn rithe ’n t-òigear grinn, ’S na seudan riomhach thug e leis. Ghlac esan Æneas air uchd A’s chroch e ri mhuineal caomh, Mar gum b’ e athair a bh’ ann A’s lion e e san am le gaol Chaidh e ’n sin gu Dido ’n àigh A’s dhirich e ’n àird air a glùn, Shuidhich is’ a cridh’ air gu léir A’s hheachdaich air gu geur le sùil. Air uairibh ghabh i e g’ a cneas, Gun fhios aic’ air neart an de, A dheilbh an innleachd so gu seòlt, G’ a glacadh gun eol di fein. Ach chuimhnich esan mar b’ àill Air teagasg a mhàthar caoin, A chuid ’s a chuid dhubh e mach Sichæus bho bheachd a gaoil, Las e innte gràdh as ùr Gu h-aigneadh marbh a dhùsgadh suas, ’S a cridhe neo-chleachdta ri fonn A bha ’na chadal trom ’s ’na shuain Nuair chriochnaicheadh tùs na cuirm ’S a thairngneadh air falbh na bùird Chrùnadh leo am fion gun dàil An cuachan mòr àluinn ùr San àros rioghail chluinnteadh stàirn Us comh-ghàir san talla mhór, Lòchrain laiste chroch gu h-àrd Bho bhraighe ’n tighe bha de ’n òr, Nuair bhuadhaich lasair nan leus Air oidhche nan neul ’s nan sgleò Dh’ iarr a’ bhan-righ ’n sin a’ chuach Bha trom le clachaibh buaidh us òr; A bhuineadh do Bhelus bho chéin ’S d’a sinnsear bho linn Bheluis chruaidh, Lion i chuach le fion gun chlos Us ghairm i tosd air feadh an t-sluaigh. Thuirt i, “Iobh (oir ’s tus an dia Chuir lagh na fialaidheachd air dòigh), Deònaich so mar lath’ an àigh Do luchd mo ghràidh bho Thiorr ’s bho Thròidh. A Bhacchuis, thoir, aoibhneas g’ar sàth, A Iuno, nochd-sa bàigh do ghnùis; A mhuinntir Thiorr, mo chàirdean féin, Coimhdibh an fheisd le deadh rùn.” Labhair i, ’s thaom i gu foil Deoch-iobairt air bòrd na féisd, Nuair rinn i sin thog i suas An cupan gu luath ri beul. Do Bhitias thug i e’n sin A’ labhairt ris am briathraibh min, Dh’ òl esan an cupan lom-làn, A’s shruthail e bhrài he le fion; Am fion dearg bu daithte cròic ’S a’ chupan òir a bha dearr-làn, Dh’ òl uaislean eil’ as a dhéigh ’S an déigh chéile mar a b’ àill, Ghlac Iopas na gruaige duinn Clàrsach ghrinnichte le h-òr, A’s sheinn e oirre sin gu grad Na theagaisgeadh le h-Atlas mòr, Cùrsa seachranach na Ré, Ur-dhubhadh na Gréine shuas, Cia as a thàinig clann nan daoin’, ’S an spréidh air gach raon us cruaich. Cia bhuaithe thig na frasan uisg’, ’S gach dreug a thuiteas as an speur, Arcturus ’s an griglean tiugh, ’S an aimsir fhliuich a thig ’nan déigh. Da sheisreach na h-àirde tuath, Le ’n seachd reultaibh luath nach stad; Carson tha grian a’ gheamhraidh fhuair Dol fodha sa’ chuan cho grad, Carson a tha ’n oidhche cho mall San t-samhradh a’ teachd le dàil; Na Tiorraich mhol da uair an ceòl ’S dh’ aontaich na Tròidhich le càch, Bha bhàn-righ cur seachad na h-oidhch’, Le sgial us cainnt de gach seors’, Bha chridhe ’ga lionadh le gaol ’S na saighdean bàrr-chaol ’ga leòn. Mu Phriam dh’ fheòraich iomadh ceist, A’s mòran mu Hector nam buadh, Na h-airm le ’n d’ thainig Memnon còrr Mac Aurora ’s deirge snuadh, Dh’ hiosraich i mu eich mic Thuid, Diomed a b’ oillteil greann, ’S mu mheudachd Aichill nam fraoch, Sar cheannard nan laoch ’s nan lann. “Ach aoidh,” ars’ ise gu ciùin, “Innis domh bho ’n tùs gu léir, Mu dheuchainnibh do chàirdean gràidh, A’s innleachdan bàis nan Greug. [TD 335] Innis mu d’ sheachranaibh cian Oir shiubhail seachd bliadhna mu’n cuairt Bho’n thòisich do thurusan sgith ’Gad luasgadh air tir ’s air cuan.” AN SIONNACH. BHA ann roimhe so coileach a chaidh e fhein ’s a chuid chearc a chur air àiridh an àm an fhoghair. Thuit do shionnach, là bha ’n sin, a bhi ’gabhail an rathaid air tòir cobhartaich. Thugar an coileach an aire dha, ’s leumar am bàrr craoibhe. Cha robh sid gun fhios do ’n t-sionnach, agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ rinn e suidhe aig bun na craoibhe. “Thig a nuas, a choilich,” ars’ esan, “tha naidheachd agam dhut.” “Cha tig,” ars’ an coileach. “Ud, thig a nuas, nach ’eil fhios agad gu ’m beil sinn càirdeach? Is mise an sionnach mac an t-sionnaich dhonn-bhuidhe; agus is tusa mac a’ choilich mhic an uibhe—iar-ogha na peathar ’s a’ bhràthar, buaidh-làrach dianamaid suidhe.” “Cha dian,” ars’ an coileach, “bidh tu rium.” “Cha bhì,” ars’ an sionnach, “nach ’eil fhios agad gu ’m beil a nise sith air a h-éigheach eadar a h-uile beothach, agus nach ’eil a chridhe aig beothach gnothach a ghabhail ri beothach eile? Is mise an teachdaire-gairm. Nach fhaic thu ’n litir an ceangeal ri bàrr m’ earrbaill? Thig a nuas ’us leugh i. Leumar an coileach a nuas, ’s mu ’n gann a bhean a chasan do ’n làr, bha e tarsainn am bial an t-sionnaich ’s gun fhuireach ri ’mharbhadh thugar na buinn. Thàinig air dol seachad air achadh-buana ’s thugar na buanaichean an aire dha. “O, mo choileach, mo choileach!” arsa te de na mnathan. “Cha ’n e th’ ann ach mo choileach-sa.” Bha chùis ag cur seirbhe air an t-sionnach, ’s thugar togail air a cheann ’s ghlaodh e, “Cha ’n e ’th’ann ach mo choileach-sa, ’s tuitear an coileach as a bhial. “Cha ’n e th’ ann ach mo choileach-sa,” arsa bean chòir eile ’s i togail a choilich ’n a h-ultaich. “Is mairg a bheireadh feairt air mnaoi,” ars an sionnach ris fhein ’s e siapadh air falbh. Chum e air ’s tachrar feannag air ’s i ’toirt nan sùl á mart a bha ’n deigh dol le creig. Chuir iad fàilt air a chéile, agus ’s e bh’ann gu ’n deach iad an companas mu’n fheòlaich. Thòisich an sionnach air roinn na cairbhe, agus dh’ fharraid e de ’n fheannaig co-dhiubh a bhiodh aice broilein mór nan còig ciad ribeag, na ceithir spadagan odhra a’ mhairt. “Bidh agam fhein broilein mór nan cóig ciad ribeag,” ars’ an fheannag. Thilg an sionnach sid dh’ a h-ionnsuidh, ’s thugar an t-saobhaidh air leis na spadagan. An uair a theirig am broilein, ’s cha b’ fhada h-uige, chaidh an fheannag ’n a gurrach air cloich ’s i tùrsa nan spadag. Bha i greis mar sin, ’s co thainig an rathad, ach a banchoimhearsnach a’ chorra-ghribhach. Chaidh iad an cnacas a chéile, agus casaidear an fheannag rithe mar a rinn gille-nan-car oirre. “Bheir mise cuireadh dha,” ars’ a’ chorra-ghribheach, “ach na gabh thusa dad ort gus am faic sinn.” Oidhche Nolluig thug i cuireadh gu cuilm do’n t-sionnnach. Thàinig e; ach mar a bha ’n tubaist ann, caite an do chuir i an t-eanbhruich ach ann am botuil. Thòisich e air imlich nam botul, ach cha dianadh e dad de na bh’ annta. Is e bh’ ann gu’n d’ òl a’ chorra-ghribheach a cuid fhein agus cuid an t-sionaich, ag gabhail mar leisgeul nach robh soithichean freagrach aice. GLASRACH. [TD 336] GEARAN MHAOIL-CHIARAIN. O, NACH mise bh’ anns an àite ’S an deachaidh m’ àrach am leanabh; Bho ’n chiad latha rinn mi fhàgail, Cha robh mo chàirdean ach ainneamh. Cha ’n ’eil aon aig am beil spéis dhiom, Och, mo chreach, mo léir, ’s mo chruadal; ’S ann a thà mi ’n diugh am ònar, ’S cairdean m’ òige anns na h-uaighean. O, nach robh mi aon uair eile, Far an robh mi beag am phàiste, Far an robh mi gaolach mùirneach ’G am altrum air glùn mo mhàthar. Aig mo chàirdean bha mi rùnach, Thug iad gaol domh bho thùs m’ òige; ’S ged a tha mi ’n diugh air liathadh, Cha bhiodh crìoch air na ’m bu bheò iad. Fhuair mi anshocair ’us dosguinn, ’S gu ’n robh bhochduinn ga mo shàrach’; Gura tric a fhuair mi leagadh, Ach sheas mi greis bho ’n bha mi làidir. Tha mo chridhe briste sgàinte, Tha mi gun slàinte, gun mheartuinn; Tha mi gun airgiod, gun stòras, Gun duine beò aig a bheil tlachd dhiom. “Co ris a theid mi g’ am ghearan, ’S gun Mac-Mhic-Ailein am Mùideart?” ’S e thuirt fear bha mar tha mise, ’S e gun ghin aig air a chùlthaobh. Co dhà leughas mi mo dhòruinn, ’S gun duine beò leis an duilich; Mi gun chuid ’s mi gun slàinte, ’S mi gun chàirdean, sgeul mo dhunach. ’S goirid ’s am fuasgail am bàs orm, ’S tinneas gach aon là ’g am chiùrradh; Cha ’n fhàg mi h-aon a bhios cràiteach, ’N uair a chàirear anns an ùir mi. H-uile h-aobhar bròin a bh’ agam, Cha ’n ’eil math a bhi ’g an innse; Gu’n dian mi ’n giùlan fo ’n talamh, ’S theid iad gu h-ealamh air dì-chuimhn’. AONACHD A’ CHINNE-DHAONNA. (Air leantainn.) THA beachd eile fathast a dh’ fhaodamaid a thogail fad beagan uine agus a tha, a reir mo bharail-sa, a taisbeanadh gu soilleir gu bheil uile threubhan a’ chinne-dhaonna ’n an aon, agus is e sin, uile-fharsaingeachd truaillidheachd an duine. Tha mi an dochas gu ’n deachaidh agam air a leigeil ris gu ’n d’ thainig an cinne-daonna gu leir o Adhamh, agus tha an dà chuid Sgriobtur agus ar faireachdainnean agus ar n-eolas fein a’ dearbhadh nam briathar sin a chleachd sinn ’n ar n-òige,—“An cinnedaonna gu leir a thainig uaith”—is e sin, o Adhamh—“le ginealach gnathaichte, pheacaich iad ann, agus thuit iad leis anns a’ chiad chionta.” Tha an t-aon neul dorcha so a’ laidhe thairis air uile chlann nan daoine, gu bheil iad gu leir truaillidh agus peacach. “Tha iad truaillidh; rinn iad oibre graineil; cha ’n ’eil neach ann a ni maith. Dh’ amhaire an Tighearna a nuas o neamh air cloinn nan daoine a dh’ fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ag iarraidh Dhe. Chlaon iad uile; tha iad gu leir air fas salach; cha ’n ’eil neach ann a ni maith, cha ’n ’eil eadhon aon.” Tha an cinne-daonna aonaichte mar so fo ’n mhallachd; ach tha taobh dealrach air an neul dhubh so; “Dh’ fhag an Sgriobtur na h-uile dhaoine duinte ’s a’ pheacadh chum gu ’m biodh an gealladh tre chreidimh Iosa Criosd air a thoirt dhoibhsan a ta ’creidsinn.” Tha aonachd aca ’n an galar, agus aonachd anns an leigheas—aonachd anns an lot, agus aonachd anns an iocshlaint. Biodh an craiceann dubh no geal, tha an t-aon snuadh dubh gu nadurra air an anam; tha an t-aon ghlanadh feumail dhaibh gu leir. Troimh chreideamh tha gach aon, dubh agus geal, air an aonadh r’ a cheile agus air an deanamh ’n an oighreachan air na h-aon bheannachdan. “Cha ’n ’eil ann Greugach no Iudhach,..... duine borb, Sitianach, daor no saor:” tha iad uile ’n an aon. Nach faodamaid stad ann a’ so?— [TD 337] ach thar leam gu ’n tig facal a stigh gu freagarrach aig a’ cheum so mu ’n obair anns a bheil iadsan ’g an caitheamh fein a tha a’ cur air aghaidh a’ mhission so chum leas spioradail ar luchd-duthcha a chur am feobhas; agus saoilidh mi nach be e air a mheas as an rathad gu ’n seallamaid am measg na bha sinn a’ toirt fainear—na comharraidhnean a fhuair sinn air a’ chinne-dhaonna, gur aon iad—gu ’n seallamaid a bheil dad ann a tha ’tilgeadh soluis air ar dleasnas fein an comh-cheangal ris a’ chuis so. Ma tha an dearbhadh a fhuair sinn air aonachd a’ chinne-dhaonna a’ cur ’n ar cuimhne gu bheil e mar fhiachaibh oirnn ar deagh-ghean agus ar co-fhulangas a chur a mach g’ an ionnsaidh-san, ge b’ e air bith dath no cruth no cor a tha orra, a tha fathast ann an rioghachd an dorchadais—a chionn gu ’m buin iad uile do aon teaghlach mor an duine—nach ro mhor is mò a tha e mar fhiachaibh oirnn ar cuideachadh a dheonachadh dhaibhsan a bhuineas, cha ’n e mhain do aon teaghlach mor a’ chinne-dhaonna, ach a tha air an aonadh ruinn le ceanglaichean cairdeis agus cinneadais—muinntir nan aon bhailtean agus sgireachdan ruinn fein, agus a thuit, moran diubh cha ’n ann le ’n coire fein, gu inbhean iosal, agus air falbh bho na meadhonan grasmhor sin a tha cho feumail chum an cur an seilbh air staid is fearr na chaill iad? Theireamaid, an dream a chuireadh an teagamh teagasgan a’ Bhiobuill agus teastanas ar beachd agus ar n-eolais fein mu aonachd a’ chinne-dhaonna, gur ana-creidich iad; ach tha an Sgriobtur ag radh, “Mur dean duine solar air son a chuideachd fein, agus gu h-àraidh air son muinntir a theaghlaich, dh’ aicheidh e an creidimh agus is miosa e na ana-creideach.” Is airidh iadsan a tha bho latha gu latha a’ saothrachadh air son leas ar luchd-duthcha air ach uile mhisneach agus chuideachadh, agus tha mi an dochas nach bi sinn ’g a aicheadh dhaibh. Thar leam gu ’m bu chiatach an rùn agus an fharsaingeachd beachd a ghluais seann duine Gaidhealach uair gu cuideachadh le cuid d’ a luchd-duthcha. Bha sgioba aon latha teth, grianach a’ sineadh air bata ’iomradh an aghaidh rannt de shruth tràghaidh, ann an aon de na caoil eadar na h-eileanan, a tha ’laidhe mach bho ’n Chaolas-Luingeach. Cha mhor nach robh an guothach a’ fairtleachadh orra, agus iad gu goirt air an claoidh, an uair a chual iad glaodh o thir. Sheall iad m’ an cuairt agus chunnaic iad duine ’n a sheasamh air an traigh, agus e a’ crathadh riutha. An ann ag iarraidh an aisig a bha e? Bha muinntir a’ bhata am beachd gu ’n robh gu leoir mhor aca iad fein a shlaodadh an aghaidh an t-sruth; ach coma co dhiubh, ghabh iad a stigh thun a’ chladaich. An uair a rainig iad tir ciod a bu mhò b’ ioghuadh leo na ’fhaicinn m’ an coinneimh, air cuocan feurach os cionn oir an làin, an leoir de dh-aran, de chaise, agus de bhainne. “Thigibh air ur n-aghaidh, a dhaoine còire, agus gabhaibh cuid d’ an aran ’s d’ an bhainne—cha ’n ’eil na ’s fhearr agam dhuibh.” Cha robh fios aig muinntir a’ bhata ciod a theireadh iad. Mu dheireadh dh’ fheoraich aon diubh d’ an duine chneasda, “An d’ aithnich sibh sinn a mach anns a’ bhata?” “Dh’ aithnich mi gu ’m b’ ann de shliochd Adhaimh sibh ’s gu ’n robh sibh ’g ur saruchadh.” Is i mo bharail nach b’ urrainn duinne na b’ fhearr na am beachd seadhail a bha aig an duine chòir sin air aonachd a’ chinne-dhaonna a ghabhail mar ar n-aobhar-gluasaid a chum ar [TD 338] brosuachadh gu bhi a cur cuideachadh ar laimhe agus deagh-run ar cridhe an cois gach oidheirp a bheirear, aon chuid aig an tigh no am measg chinneach dorcha an domhain, air a bhi ag ardachadh an suidheachaidh agus a’ leasachadh an cor—Dh’ aithnich sinn gu ’m b’ ann de sliochd Adhaimh sibh ’s gu ’n robh sibh ’g ur saruchadh. Bhiodh so feumail gu ar cumail bho bhi deas gu uaill a dheanamh as ar n-iubh aird fein ann an coimeas ri treubhan fiadhaich na talmhainn. Tha an uaill so ealamh gu thoirt oirnn a chreidsinn nach ’eil feum againne idir air an atharrachadh inntinn a tha dhìth air na daoine truagha sin, agus mar sin a bhi deanamh dimeas air an t-slainte sin a chaidh ’ullachadh do gach dubh agus geal; agus is mor is àillidhe ann an suil a’ Chruithfhir an duine sin, ged bhiodh a chraicionn cho dubh ri dorchadas, a ghabhas ri gairm chiuin an t-Soisgeil, agus, air dha mheas gur “fhearr gliocas na inneal-an-cogaidh,” a thilgeas sios ’airm-mhillidh agus a ghabhas a mach fo bhratach Prionnsa na Sìth—is àillidhe e na an duine geal, le ’àrdan agus le ’uabhar, a tha d’ an bharail nach ’eil feum aige air aithreachas. Biodhmaid ri faoinchainnt mar is àill leinn mu threubhan arda agus iosal—mu mhaighstirean agus mu thraillean; anns an uaigh tha iad gu leir air an aon ruith— “Is ionann Alasdar Mòr A’s traill a dhìth lòin, A dh’ eug air an òtrach bhreuu.” “Tha lag a’s laidir, beag a’s mor Co-shìnt’ ’s an uaigh le cheil; Tha naimhdean samhach taobh ri taobh, A’s luchd na comh-strith reidh.” Air taobh thall na h-uaighe, tha iadsan uile, de gach treubh agus fine, de gach cruth agus dath, a ghabh ris an t-slainte a chaidh ’ullachadh air an son, air an aonadh r’a cheile ann an ceangal siorruidh, agus iad gu leir a’ sealbhachadh an aon shorais ghlormhoir. Ge b’ e air bith cho dìblidh, bochd ’s a bha iad, tha iad air an deanamh ’n an righribh agus ’n an sagairtibh do Dhia. Cha ’n ’eil aintighearnas no cruadel tuille a’ cur dragh orra: “Sguir na h-aingidh de bhuaireas, agus fhuair iadsan a bha sgìth le saothair fois.” Tha gach eadar-dhealachadh dealbh agus dath air dhi-chuimhn, oir “nigh iad uile an trusgain agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.” Tha aonachd a chinne-dhaonna iomlan, oir, feuch, “sluagh mor nach robh neach sam bith comasach air aireamh, de na h-uile chinnich, agus threubhaibh, agus shluaghaibh, agus theaugaidhibh.” Cha ’n ’eil dorchadas no faoin-chrabhadh tuille a’ cur uamhainn orra,—“Gabhaidh an Tì a tha ’n a shuidhe air an righ-chathair comhnuidh ’n am measg.” “Cha bhi ocras orra tuille, no tart n’ is mò; cha mhò bhuaileas a’ ghrian orra, no teas air bith; oir beathaichidh an t-uan a tha am meadhon na righ-chaithreach iad; agus treoraichidh e iad gu beo-thobraichean uisge; agus tiormaichidh Dia gach deur o ’n sùilibh.” IAIN MACILLEBHAIN. DONULL NAN ORD. IS ann bho Mhac-Iain-Stiùbhairt na h-Apunn a thàrmaich teaghlach Ionar-na-h-Aighle. B’e Alastair, mac do Ailein an treas Mac-Iain Stiùbhairt, an ciad fhear dhiubh. Phòs e Mairghiread nighean do Dhònull nan Lochan am Mùideart. Cha robh aca ach aon urra chloinne—Dònull, agus thainig esan astigh an àite ’athar. A reir coltais is ann an Eilein-Stalcaire bha Alastair a’ tuineachadh. Moch madainn shamhruidh dh’éirich e ’s chaidh do Eilein-nan-Gall, eilein beag a tha làmh ri [TD 339] Eilein-Stalcaire. Thug e leis an tuagh-Abrach ’n a làimh, ball-airm a bu tric a bh’ aig na Gàidhil ’s an àm ud. Rinn e sineadh air lianaig ghuirm, ’s leig e thuagh air làr. Bha e fhein agus Fear Dhun-Staibhinnis amach air a chéile agus ’s dualach gu’m facas e ’s an eilein: thàinig Cailein Uaine, bràthair Fhir Dhun-Staibhinnis, le daoine ’s bàta a ghabhail fàth air. Thàinig iad air gun fhios dha. An uair a thainig e am fradharc Alastair, ghabh e air gur h-ann a thagairt càirdeis air a thàinig e; ach, an uair a thuig e nach robh e air fhaicill, thug e sùil air an tuaigh a bha làmh ris an fhear eile air an làr, agus mu’n d’ fhuair e dol air a thapadh rug e oirre ’n a làimh—bha fhios gu math aige mur biodh e ealamh, gu’m biodh daor an ceannach aige air a thurus, agus thuirt e, “Is math an tuagh so,’ Alastair, na ’m biodh a leòir samhuich innte?” Thuig e gu ro mhath ciod a bh’ air aire Chailein Uaine, agus gun tuilleadh éisdeachd, rug e air an tuaigh; ach thàinig na daoine aig Cailein agus chuir iad as da. Cha robh Dònull a mhac ach ’n a mhaotharan air a’ chìch: bha e air bhanaltrumas aig Mòraig, bean Rob a’ Pheitidh, gobhain Mhùideart. Cha d’ fhoghain le Cailein Uaine bàs Alastair a bhi air a lamhan: chuir e roimhe cur as do ’n phàiste—bha fhios aige nach biodh a’ chùis gun aichmheil. Ach cha deachaidh an gnothuch air mhìthapadh do mhuime Dhònuill; thrus i leatha e, agus thug i Mùideart oirre leis, gun umhail de dhuine no de bheothach. Dh’ innis i do ’n ghobhain mar a dh’ éirich, agus ’s e bh’ ann gu’n d’ aontaich iad an leanabh a thogail ’us àrach agus urra chloinne dhaibh fhein a dhianamh dh’e, gun innse do choimhearsnach no do dhuine eile, gus an tigeadh e gu inbheachd. Is ann mar so a bha: chaidh Dònull a thogail us àrach an teaghlach Rob a’ Pheitidh. An uair a thainig e gu gnè spionnaidh, bu tric leis làmh-chuideachaidh a thoirt do ’n ghobhain ’s a’ chèardaich. Bha e làidir, gramail; agus ciod sa bith ris an cuirteadh e cha chuireadh e cualag air, cha chuireadh ’s gun fhios aige nach b’ ann leis a’ ghobhain a bhà e. Latha de na làithean, an uair a bha e mu ochd bliadhn’ diag a dh-aois, thuit da a bhi ’s a’ chèardaich. Dh’ iarr an gobhain air an t-òrd-mòr a thogail a bhualadh a mach tinne mhoir de iarann. B’ òrd dà-làimhe e do dhuine sa bith, ’s cha b’ ion do ghlas-ghiullan dol ’n a dhàil air atharrachadh, ach rug Dònull air ’n a leth-làimh agus dh’ oibrich e leis ’s cha bu luaithid anail e; agus cha ’n e sin a mhàin ach rug e air fear eile ’s an làimh eile ’s dh’ oibrich e leo le buille mu seach, gus an do chuir e fhein ’s a ghoistidh a mach an tinne. A ghoistidh còir, Rob a’ Pheitidh, cha do ghabh e dad air; ach an uair a chaidh e stigh ’s a fhuair e cothrom air Móraig dh’ innis e dh’ i mu Dhònull. Is e bh’ann, a mhic chridhe, gu ’n do chuir a’ chàraid chòir, cheanalta, rompa gu ’n innseadh iad do Dhònull mar a bha ’chùis, co b’ è, agus co leis am bu leis e. A leth taobh chuireadh fios air Dhònull, agus dh’ innis iad an dìol déisneach a rinneadh air ’athair agus an caol-thiarnadh a bh’ aige fhein. Bhuin an sgial so gu guineach, goirt ris; rug a ghoistidh eadar a ghlacaibh air: “A dhalta chridhe,” os esan, “b’ eudar do d’ oilein ’s do d’ ionnsachadh a bhi gus a nis an ceilt; ach tha dòchus agam nach dian thu dìmeas air d’ fhuil, agus gu’m bi cuimhne agad air cruadal nan daoine bho ’n d’ thàinig thu.” An sin thug an gobhain da claidheamh, a rinn e a roghainn òrduigh, de smior an iaruinn agus na cruadhach air a shàr [TD 340] fhadhairt, ag guidhe gu ’m biodh e ’n a ìmpidh air a thoirt sàbhailt as gach cruadal, agus a theasraiginn bho gach gàbhadh us cunnart. Ghlac Dònull an claidheamh le faoilte gu fearghleus; ’s cha do leig e le bharr-dheis laidhe fo mheirg ’s an truaill. Chuir e roimhe an aicheamhail a thoirt a mach; ach mu’n gabhadh e dad os làimh leig e chùis am mèinn a mhuime. Chomhairlich ise dha dol gu bràthair a mhàthar Dònull òg nan Lochan. Ghabh bràthair a mhàthar ris le mùirn ’s le fàilte, agus thairg e cuideachadh us còmhnadh dha na ’n dianadh daoine, moidhein, us airgiod e, gus a chuid fearainn a ghleidheadh air ais dha—chaill e e an uair a thuigeadh nach bu bheò esan—an t-oighre. An uair a thill Dònall do’n Apuinn, agus a dh’ innseadh mar a dh’ éirich dha, thugadh a dh-aon fhacal ‘Dònull-nan-òrd’ air. Cha robh Nàdur lombais mu a gibhtean da; bha e giarfhaclach fileanta, làidir, iasgaidh, clis. Rinn na feartan inntinn us cuirp so e ’n a roghadh ’s taghadh a’ chinn-fheadhna. Bu chulaidh-eagail do luchd-dòbheairt e; agus cha b’ fhada gus an d’ fhuair naimhdean a chinnidh ’s a chàirdean fios-faireachdainn air sin. B’e ’n ciad ghnìomh a rinn e cur as do Chailein Uaine. (Is fear do dhaoine Dhònuill-nan-òrd a chuir as do Chailein Uaine ’s e a’ snàmh thair Lìobhunn. “Is glan an fhuil a thug thu do bhric Lìobhunn,” osa fear de dhaoine Chailein ’s e ’faicinn na saighde air chrathadh ’n a uchd. “Bu ghloine na sin, osa fear de dhaoine Dhònuill, “an fhuil a thug thusa do phartain Eilein-nan-Gall.”) Cha d’ fhoghain leis sin; cha do sguir e gus an do chuir e gu buil naoinear de thigh Dhunstaibhinnis. Cha b’ fhada gus an d’ thàinig gnìomhran Dhònuill gu cluasan Mhic-Cailein, agus dh’ fhiach e ri ’chur fo chis, ach dh’ fhairtlich air: fhuair Dònull a mach gu ’n robh e ag caitheamh foille air, agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ thug e taobh Loch-Odha air ’s gu ’n do thog e creach bho ’n tuath sin. Tha ceithreamh òrain fhathast air chuimhne mu ’n turus so:— “Dònull-nan-òrd, dalt’ a’ ghobhain, Ailleagan nan lùireach leobhar, Thog e creach bho thaobh Loch-Odha, Nach dian Mac-Cailein a toghadh, No ’mhac, no ’iar-ogh’, no ogha.” Chuir dianadas Dhònuill corruich nach bu bheag air Mac-Cailein, agus chuir e roimhe a chuid daoine a thogail agus graim a dhianamh air leis an laimh làidir. Ach chaidh e rithist gu ’smaointean mu’n chuis agus chunnaic e aige fhein nach biodh e sàmhach dha—bha cinneadh a mhàthar na Mùideartaich agus na Camronaich ro lìonar làidir, agus ’s e rinn e moidhein a chur air Mac-Iain-Stiùbhairt dh’ fhiach an d’ thugadh e air Dònull sìth a dhianamh agus a’ chreach a chur air a h-ais. Chuir esan agus cinn-fheadhna eile an cinn ri chéile, agus mhaoidh iad air mur dianadh e dìoladh-fiach agus sith, nach tàirneadh iad claidheamh ’n a aobhar ach gu’n leigeadh iad eadar e fhein ’s Mac-Cailein. Cha robh deaghaidh aig Dònull air cur a mach air a chàirdean, agus smaoinich e gu ’n d’ rinn e gu leòir a dhiol bàs ’athar, agus ’s e rinn e gun fhiamh gun eagal, gun duine ach e fhein ’s a ghille, dol gu Mac-Cailein a shocrachadh na cùise. Thachair Mac-Cailein orra goirid bho ’n chaisteal, agus ma ’s fhior is i so an fhàilte chuir Donull air— “A Mhic-Cailein ghrìomaich, ghlais, Is beag an tlachd a th’ agad dhìom; ’S ’n uair a thilleas mi air m’ ais, Ma is mò a th’ agam dhìot.” Chaidh iad air sùrd còrdaidh; agus eadar fal-a-dhà ’s a rìreamh is [TD 341] coltach nach robh a’ ghlas-ghuib air Dònull; bu mhó us mór le Mac-Cailein a lachanaich—fàgail a lean cian ri ’iarmad, agus dh’ iarr e air sealltainn air creig àraid a tha ’m braigh Aird’-Chonghlais—creig a tha gu math coltach ri ceann duine ’s a bhial fosgailte. Dh’ fharraid e an sin d’e an robh fhios aige c’ ainm a bh’ oirre. Thuirt Dònull nach robh. “Is sid agad ma ta,” osa Mac-Cailein, “an Gàire Gnàda.” Thuig Dònull co air a bha e ’tighinn, agus an tionndadh na boise, thuirt e— “Gàire Gnàda ’s ainm do ’n chreig, Us fanaidh i mar sin a ghnàth; Gheobh thu leithid agad fhein, Ma sheallas tu ’n eudann do mhnà.” Is iad na cùmhnantan a chuir MacCailein mu choinneamh, creach a thogail á Mùideart agus té eile á Atholl: bha e ’n dùil mar so gu ’n cuirteadh as da gun làmh a bhi aige fhein ’n a bheatha. Dh’ aontaich Dònull ri so, agus thug e Mùideart air. Dh’ innis e do bhràthair a mhàthar an t-slighe air an robh e agus chuir e a chomhairle ris. Thuirt bràthair a mhàthar ris gu’n robh daoine ’s a choimhearsnachd a bu bheag air, agus na ’n togradh e gu’m faodadh e an creach a thogail; agus an uair a thigeadh a’ chùis gu chluasan-sa gu’n cuireadh e an tòir air, air sgàth sgoinne, ach nach biodh an ro-chabhag air. Is ann mar so a bha. Chaidh e an sin do Atholl ’s rinn e an cleas ciadna. Thill e rithist gu MacCailein ’s rinn iad an réit. Bha Donull turus a’ tilleadh dhachaidh á Siorrachd Shrìobhla far an robh e air cheann cobhartaich air choirigin, agus thaghail e an tigh ’s an robh bainis gu bhi an oidhche sin. Cha d’ rinneadh biadhtachd a b’ fhiach riutha; agus ’s e bh’ ann gu ’n deachaidh iad an dàil biadh na bainse agus a’ chuid nach d’ ich iad mhìll iad, agus thug iad ris a’ bhruthach. Shin iad air Dònull ’s cha b’ fhada gus an robh iad suas ris. Ghlaodh fear de na daoine riutha a’ fanaid orra air son na dh’òl iad de ’n eanbhruich. “Stiubhartaich bhuidhe nan tapan, A bheireadh glag air a’ chàl.” Thug fear de dhaoine Dhonuill tionndadh air fhein, ’s tàirnear e an t-saighead ’s e freagairt— “Ma tha ’n tapan againn mar dhùthchas, Is dù dhuinn gu ’n tarruinn sinn taifeid.” Chuir e an t-saighead romh a chridhe, agus ’s e bh’ ann gu’n deachaidh iad uile an dàil a chéile, ’s thuit mòran diubh air gach taobh. Bha Dònull pòsta dà uair. Ris a’ chiad mhnaoi, nighean do Iain Stiubhart am Bun-Raineach bha ceathrar mhac aige—Alastair a dh’ eug gun phòsadh, Dunnchadh a thàinig a stigh ’n a àite fhein, Ailein bho ’n d’ thàinig Tigh Bhaile-’Chaolais, agus Iain ris an abairteadh Iain Dubh MacDhonuill, aig an fhear so bha Leitir-Shiùna. DONULL. SOP AS GACH SEID. Fàg, fàg! thuirt an fheannag, ’s i mo nighean a gharrag dhonn. Sàth mòr ainmig do na leanba-firionn. Sàth beag minig do na leanba-boirionn. Foghar an àigh ial ’us fras. Trod chàirdean ’us sìth naimhdean, dà rud nach còir feairt a thoirt orra. Cha robh air deireadh nach robh air thoiseach ach fear na droch-mhnatha, ’us bidh am fear sin fhein ann a’ dol do ’n mhuilionn, ged a bhios e air deireadh a’ tighinn as. Cha ’n fheoil grùdhan, ’s cha shùghan làgan. Millidh smugaid cuideachda. Is paidhir dhuiun sin mar a thuirt an fheannag ri ’casan. [TD 342] ORAN GAOIL. [Ceòl] Horionn ò, hì rì, Hùg éile, hó ró, Horionn ò, hì rì. Tha mo cion air an ogbhean ’Thainig oirnne thar linnean— Reult aillidh nan oighean, Ann am boidh’chead ’s an grinneas! Horionn ò, &c. Reult aillidh nan oighean, Ann am boidh’chead ’s an grinneas! Slios mar shneachd air an t-sleibhe, Ri là greine air ’ghilead. Horionn ò, &c. Slios mar shneachd, &c. Beul is deirge na ’n ròs aic’, Gruaidh is boidh’che na ’n t-siris. Horionn ò, &c. Beul is deirge, &c. Deud geal is glan, dluth— Tha d’ anail chubhraidh ro mhilis. Horionn ò, &c. Deud geal, &c. ’S cha mhise chiad oigear ’Rinn thu ’leon anns a’ chridhe. Horionn ò, &c. Cha mhise, &c. Le d’ iomhaigh ’s le d’ bheusan, ’S iomadh ceud tha fo thiomadh. Horionn ò, &c. Le d’ iomhaigh, &c. ’S fearr an ceol leam do chomhradh Na ’n smeorach air bhinneas. Horionn ò, &c. ’S fearr an ceol, &c. Troidh chruinn am broig chomhnaird, Nach dean feoirnein a mhilleadh. Horionn ò, &c. Troidh chruinn, &c. Gur luthor i ’s t-seomar, ’N am ceol ’thoirt o ’n fhidhill. Horionn ò, &c. Gur luthor, &c. Tha mais’ ann ad aodann Nach faodar a thilleadh. Horionn ò, &c. Tha mais’, &c. Co ’sheallas fo ’n ghrein air, Nach caill a leirsinn car mionaid! Horionn ò, &c. Co ’sheallas, &c. Tha mise gun storas Le goraich mo chinnidh. Horionn ò, &c. Tha mise, &c. Dh’ fhag sud mi ri m’ bheo Fo throm leon a’s fo thiomadh— Horionn ò, &c. Dh’ fhag sud, &c. Nach faod mi bhi lamh riut, Le d’ mhanran ’s le d’ mhireadh. Horionn ò, &c. Nach faod mi, &c. Cha ’n ’eil buaidh anns an dàn domh, An drast ann ad shireadh; Horionn ò, &c. Cha ’n ’eil, &c. Ach na ’m faighinn coir sgrìobhte Air an rìoghachd gu ’h-iomall, Horionn ò, &c. Ach na ’m faighinn, &c. GU’M BU BHAN-RIGH CATRIONA, AN RIBHINN IS GRINNE! Horionn ò, hì rì, Hùg éile, hó, ró, Horionn ò, hì rì. [TD 343-352] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 353] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. IV. LEABH.] DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1875. [48 AIR. SEAN-FHOCAIL. XII.—BITHIDH GACH NI MAR IS AILL LE DIA. MA tha e fior, mar dh’fheuch mi ri dhearbhadh ’s an aireimh mu dheireadh de’n Ghaidheal, gu bheil ar Daoine, ’s an rioghachd so co-dhiu, a’ gabhail tlachd ann a bhi ’g altrum smuaintean dubhach, cianail, agus gu h-araid ann a bhi ’beachdachadh gu tric air a’ Bhàs agus an comhnuidh le ni-eigin de gheilt ’s de uamhas;—ma tha so fior, cha bhiodh e mi-fhreagarrach, saoilidh mi, a bhi feoraich, air a’ mhios mud heireadh de’n bhliadhna agus anns a phaipeir mu dheireadh mu thimchioll ar Sean-fhocail, ciod e am fiosrachadh a gheibhear annta mu bheachdan ar n-Aithrichean mu’n t-Saoghal taobh thall na h-uaighe, agus mu’n cheangal a tha eadar Beatha dhiombuan, chaochlaidheach an t-Saoghail so agus Beatha mhaireannach, neo-chaochlaidheach na Siorruidheachd. Cha ’n e mo rùn air aon chor a bhi toirt seachad min-chunntas air aidmheil ar Sluaigh ’s an linn so no an linn eile d’ar n-Eachdraidh, no idir a bhi toirt breith air fallaineachd am beachdan ’s air an dilseachd ’s air an eud a nochd ar Sluagh gu minic air taobh an Creidimh. Is airidh an Eaglais Ghaidhealach air a sgeul innseadh, agus chuireadh esan a dh’innseadh gu cothromach i ar luchd-duthcha fo chomain mhoir. Ach cha mhise an duine, agus cha ’n e so an leabhar, a bu choir a leithid so de shaothair a ghabhail os laimh. ’S e mo rùn air an àm an fhianuis a bheir ar Sean-fhocail seachad mu chreidimh ar n-Aithrichean anns gach linn d’an Eachdraidh a chur fa chomhair an Leughadair mar is fearr a dh’fhaodas mi. ’S i mo bharail gu bheil cuid de na Sean-fhocail a tha gleidheadh air chuimhne beachdan ar Sluaigh dà mhile bliadhna dh’ aois. An uair a bha priomh Bhard ar Duthcha a’ gabhail seallaidh, le inntinn fharsuing fein, air cuairt na h-aimsir ’s air Eachdraidh a Shluaigh, sheinn e mar so: “Cia as tha sruthan na bha ann? C’ uin’ a thaomas an t-àm tha falbh? C’ àit’ an ceil aimsir a dà cheann An ceathach tha mall ’s nach gann, A taobh ballach le gniomh nan seòd? Tha mo shealladh air linnte dh’aom; Cha ’n fhaicear ach caol na bh’ann, Mar dhearrsa na gealaich tha faoin, Air linne tha claon ’s a’ ghleann. An so dh’eireas dealan a’ chòmhraig; An sin thuineas, gun solas, neo-thréin; Cha chuir iad an gniomhan air chòmhla Air aimsir tha mòthar ’n an déigh.” Feudaidh sinn, tha mi meas, cainnt agus samhladh Oisein a chleachdadh mu bheachdan cho maith ri mu euchdan ar Sluaigh. O chionn dà mhile bliadhna, bha aimsirean comharraichte ann an Eachdraidh aidmheil ar Sluaig—aimsirean nach teid gu brath air di-chuimhne. Thugadh cumhachd nan Druidhean gu talamh; thainig solus gloirmhor an t-Soisgeil d’ar Tìr; dh’ath-leasaich- [TD 354] eadh an Eaglais; ’n ar linn fein chunnaic a’ mhor chuid d’ar Sluagh gu’m b’e an dleasdanas Eaglais an Aithrichean fhàgail, agus dh’fhàg iad i; agus nach iomadh aon a tha an diugh ag eigheach gu durachdach airson tuilleadh soluis a chum a threorachadh air an t-slighe thuislich, dhorcha a tha, a reir coslais, air thoiseach air. Gidheadh, ann an cainnt Oisein, “cha ’n fhaicear ach caol na bh’ann.” Buinidh na beachdan a ghleidh ar Sean-fhocail air chuimhne do’n Druidh ’s do’n Chriosduidh maraon. Bha iad cho fior ’s cho feumail o chionn dà mhile bliadhna ’s a tha iad an diugh, ’s a bhitheas iad gu crich an t-Saoghail. ’S iad so a rinn “ballach” taobh sgéith ar n-aidmheil. Ann an aon ni tha mi saoilsinn gu bheil coimeas a’ Bhaird mi-fhreagarrach dhuinne an traths’. Tha Eachdraidh, ann am beachd Oisean, air a deanamh suas de “ghniomh nan seod” a tha deanamh taobh na h-aimsir “ballach;” agus tha na “neo-thréin,” a’ tuineadh, gun sòlas, ’n am buidheann leo fein,—an gniomhan faoin gun chuimhne, an uair a tha aimsir a’ siubhal gu mòthar seachad. Cha ’n eil teagamh nach ’eil smuain a’ Bhaird oirdheirc agus airidh air inntinn ghreadhnaich fein. Ach cha ’n fhaod sinn a bhi foghlum o’n teagasg so gur ni faoin no suarach dleasdanas ar latha-ne, no ar n-inbhe-ne, ged, ma dh’ fhaodte, nach teid a bhreacadh air slios na h-aimsir, a chum ar cuimhne ghleidheadh beo rè nan linntean. Cha bhiodh e ceart air aon chor a bhi deanamh gaisgeach dheth-san a mhain a rinn gniomhan euchdach an suilean an t-Saoghail: “Is gaisgeach esan a bheir buaidh, Air eagal beatha, ’s uamhunn bàis, ’S a chomhlaicheas le misnich crì’, Na h-uile ni a tha dha ’n dàn.” ’S e so gaisge air an ruig an neach is diblidh ’n ar measg. Agus tha làn dearbhadh againn ma bhuanaicheas e nach leigear a threuntas air di-chuimhne, ach gu faigh e gu cinnteach a dhuais. Ach air an laimh eile tha teagasg Oisean agus nan Sean-fhocal ro fhior, agus bhitheadh e ro bhuannachdail dhuinn an comhnuidh a ghleidheadh air chuimhne. Tha gnothuichean ar latha fein, cho fad ’s a tha iad cothromach, mar dhleasdanais chudthromach oirnn a chur an gniomh le ’r n-uile neart; agus tha beachdan ar latha fein, cho fad ’s a tha iad fior, ’n an tiodhlacan luachmhor nach faod sinn, gun chunnart, a dhearmad. Ach tha cuid de na dleasdanais so, agus cuid de na beachdan so, a bhuineas ann an doigh ro shonruichte d’ar latha fein; agus tha cuid eile dhiu a tha ’g an ceangal fein ’s ’g ar ceangal-ne ris an t-sluagh gun aireamh a chaidh thairis agus ris an t-sluagh gun aireamh a thig ’n ar deigh—dleasdanais agus beachdan a tha ’n comhnuidh cudthromach agus an comhnuidh fior. A nis bu mhaith leam a chreidsinn gur e na dleasdanais so a tha, ann an cainnt Oisean, a’ deanamh ballach taobh na h-aimsir. Cha ’n ’eil teagamh nach e na beachdan so a mhain a ghiulain na Sean-fhocail a nuas o chéin. Tha sinn a ghnath teom air a bhi cur barrachd meas air na nithean sin a tha luachmhor a mhain ’n ar latha fein. Tha mi meas na ’n seallamaid air cuairt na h-aimsir mar a rinn Oisean, no air beachdan ar n-Aithrichean mar a ghleidh na Sean-fhocail air chuimhne iad, gu’m faiceamaid iomadh cleachduin, dleasdanas, ’us beachd a tha ’n diugh a’ cumail suas roinnean ’us coimheachais ’n ar measg, a bhitheas gu tur air di-chuimhne, an uair a sheallas Bard eigin air ais, ceud bliadhna ’n a dheigh so, ’s nach faic e “ach caol na bh’ ann.” [TD 355] Tha triuir bheachd, gu sonruichte, a gheibhear air an cur f’ar comhair gu tric anns na Sean-fhocail, agus ’s e sin: (1.) Gu bheil cionta toillteanach air peanas; (2.) Gu bheil laghannan Naduir no cuairt Freasdail do-atharraichte, neo-chaochlaidheach; (3.) Gu bheil Dia fior, ceart, maith. Gheibhear suim aidmheil Creidimh ar n-Aithrichean, a réir nan Sean-fhocal, anns na tri firinnean so. Agus cho fad ’s is leir dhomh, bha ar n-Aithrichean a’ creidsinn annta o’n a tha Eachdraidh againn orra. Cha ’n ’eil ar n-eolas air teagasg nan Druidhean ach gann, ach saoilidh mi gu’n dearbh am beagan fiosrachaidh a tha againn mu thimchioll nan linntean céin anns an robh iad cumhachdach n’ ar Tìr gu’n robh iad a’ creidsinn agus a’ teagasg nam firinnean a dh’ainmich mi. Tha grian an t-Soisgeil ’us solus an eòlais a’ dealradh ’n a làn neart agus ’n a làn mhaise oirnne. Fhuair sinn moran agus iarrar moran uainn. Ma thuislicheas sinne, cha ’n ann le cion soluis. Ach tha mi meas nach aobhar so airson a bhi deanamh dimeas orrasan a bha ’g imeachd ’s an dorchadas. A réir gach cunntais a tha againn mu’n timchioll, bu daoine na Druidhean a bha airidh air meas agus air urram an dà chuid airson an eolais agus an gluasaid. ’N ar suilean-ne bha, gun teagamh, an Creidimh mearachdach, easbhuidheach. Ach tomhais iad le meidh an linn fein, agus chi thu gu’m bu daoine fiosrach, glic iad, a ghleidh an cliù ’s am meas am measg dhaoine treuna, ’s a sheas gu daingean air taobh an Duthcha ’s an Sluaigh ann an àm cunnairt ’us teinn. Anns na Sean-fhocail tha iad air an ainmeachadh le moran barrachd urraim na tha na Sagairtean a thainig ’n an àite. “Cho teoma ri Coibhi Druidh.” “Ge fogus clach do’n làr is foisge na sin cobhair Choibhi.” Tha so a nochdadh gliocais, comais, caoimhneis. Ach is ann airson feartan dealaichte uapa so—feartan is suaraiche air gach doigh—a tha Sagairtean ’us Cléirich air an cumail air chuimhne. “Cha ’n fhiach Sagart gun Chléirich.” “Cha d’òl an Sagart ach na bh’aige.” “Cha ’n iad na ro Chléirich is fearr.” “Is miann leis a’ Chléireach mias mhaith a bhi aig an t-Sagairt.” “’S e leanabh fein is luaithe bhaisteas an Sagart.” Tha an so companas eadar Cléirich ’us Sagairtean airson a bhi sasuchadh a’ chuirp le nithean ceaduichte ’s le nithean toirmisgte air an deanadh Coibhi Druidh tàir. Seallamaid gu h-aithghearr air na beachdan a dh’ ainmich mi. 1. Tha cionta toillteanach air peanas. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil, ’n ar measg-ne, iomadh ni air a mheas mar chionta nach cunnteadh peacach ann an cuid de’n aimsir a chaidh seachad; agus feudaidh e bhi gu’n robh ar n-Aithrichean a’ meas ’n a pheacadh iomadh ni a chunntas sinne airidh air cliu. Ach tha nithean eile ann a tha air am meas n’ an cionta anns gach àm ’s anns gach àite, ’s a dh’fheumas a bhi air am meas ’n an cionta cho fad ’s a bhitheas daoine a’ gleidheadh comuinn a chéile. Is ann orra so a mhain a tha na Sean-fhocail a’ tighinn thairis. Breugan, foill, ’us foirneart,—cia air bith d’aidmheil is peacannan iad so. Chunnaic ar n-Aithrichean a’ bhreug, foill ’us foirneart, mar a chi gach neach, an uachdar, co-dhiu rè tamuill, agus chuir iad am fein-fhiosrachadh an cainnt: “Cha seas a’ bhreug ach air a leth-chois;” “Cha mhair a’ bhreug ach rè seal;” “Imridh breug gobhal.” A ris: “Ge b’e ’s measa, ma ’s e ’s treise, bithidh e ’n uachdar:” “Is [TD 356] coma leis an t-Saoghal c’àite an tuit e.” Tha aon Sean-fhocal a tha toirt teagaisg air gach cor mi-fhallain, dioghaltach, brùideil, calg-dhìreach an aghaidh teagaisg coitchionn nan Sean-fhocal Ghaidhealach: “Maith air seann duine, maith air feall duine, maith air leanabh beag, tri maithean caillte.” Ach is ann air taobh firinn ’s an aghaidh foille ’s foirneirt a tha na Sean-fhocail: “Is mairg air nach bi eagal na breige;” “Fear na foille an iochdar;” “Cha d’thug leis an truaill nach d’fhuair leis a’ chlaidheamh;” “Cha bhi seasamh aig droch bheairt;” “Cha ’n fhaod an ciontach a bhi reachdach;” “Cha ’n eil air an olc ach gun a dheanadh.” Ma chi thu an ciontach a’ soirbheachadh, theirear riut: “Ge dàil do fhear an uilc cha dearmad.” Tha an t-Abstol Pòl ag radh; “Ge b’e ni chuireas duine, an ni ceudna buainidh e.” Is ionann teagasg nan Sean-fhocal: “Tha smùdan fein os cionn gach fòid;” “Mar chàras duine a leaba, ’s ann a luidheas e;” “Mar thuiteas a’ chraobh, ’s ann a luidheas i;” “Tha thu ruith air t-aimhleas;” “Thig an donas ri iomradh.” Agus cha ’n e mhain so, ach tha e dlù air bhi eu-comasach pilleadh o bhi ’g imeachd air slighe an uilc: “Thig iomadh olc á aon olc;” “Cha leighis aithreachas breamas;” “’S ionann aithreachas criche ’s a bhi ’cur sìl mu Fheill-martain.” Tha an Sean-fhocal mu dheireadh a dh’ ainmich mi a’ comharrachadh gu soilleir ri Saoghal eile anns am faigh peacadh a’ dhiol. Ach ’s e teagasg an iomlain diubh gu bheil cionta a’ giulan a pheanais fein ’n a uchd, agus, luath no mall, anns a’ bheatha so fein, gu’n nochdar so do gach neach. Tha mi meas gur dearbhadh so air aois nan Sean-fhocal. Cha ’n eil duais no peanas na Siorruidheachd air a chur fa d’ chomhair airson do dheanadais. Theirear: “Is buidheach Dia de’n fhirinn;” ach cha ’n ’eil truaighe shiorruidh mar dhuais do’n aingidh air ainmeachadh anns na Sean-fhocail. Gheibh sinn gun teagamh an radh: “Dean do sheunadh o’n Diabhul ’s o chlann an Tighearna (an Uachdarain);” agus tha cliu Chonain chrìn, mhaoil air a toirt seachad ’s an dà Shean-fhocal: “Cairdeas Chonain ris na deamhnaibh;” “Beatha Chonain am measg nan deamhan, ma’s olc dhomh cha ’n fhearr dhoibh.” Cha ’n ’eil mi meas gu’n abair neach gur teagasg ro fhallain so, aon chuid ’s an t-Saoghal so no ’s an ath Shaoghal, air a cho-cheangal a tha eadar cionta ’us peanas. 2. Neo-chaochlaidheachd Freasdail. Tha gach Sluagh air a’ bheil iomradh againn a’ creidsinn gu bheil a’ Chruitheachd a’ geilleadh do laghannan a tha neo-chaochlaidheach, do-atharraichte. Cha ’n ’eil eolas àrd no fiosrachadh farsuing feumail a chum an creidimh so a dhaingeachadh. Tha ’n dearbhadh f’ar comhair air gach taobh air an tiunndaidh sinn. Eirigh ’us luidhe gréine; fas ’us crionadh na gealaich: cuairt ghreadhnach, riaghailteach nan reultan; earrach ’us samhradh, foghar ’us geamhradh; breith ’us fàs, crionadh ’us bàs gach creutair, gach craoibh ’s gach luis—an talamh; mu ’n cuairt duinn ’s na speuran os ar cionn le aon ghuth a’ cur an ceill gu bheil oibre a’ chruthachaidh gu leir a’ toirt umhlachd iomlain do Lagh. Agus mar is doimhne rannsuicheas sinn ’s ann is neartmhoire an dearbhadh gu bheil gach ni beag agus mor, àrd agus iosal, ann an co-cheangal diomhair ri cheile, agus gach ball de’n chorp uile-lathaireach so, ’n a àite fein, a’ coimhlionadh a’ dhàin fein, fo riaghladh nan laghannan d’am bheil an corp uile umhail. Gu [TD 357] ruig so, tha mi meas gu’m feudar a radh gu’n robh daoine foghluimte anns gach linn ’s anns gach cearn de aon bheachd. Ach cha robh na b’ fhaide na so. Bha cuid a’ faighinn dearbhaidh ann am maise, an ordugh, ’s an riaghailteachd oibre Naduir, air Bith uile-chumhachdach agus uile-ghlic a chruthaich gach ni, ’s a tha ’g oibreachadh a mach a thoil neo-chaochlaidheach ’s a rùn siorruidh fein anns na laghannan d’ a’ bheil Nadur a’ geilleadh; bha cuid eile anns gach linn a bha ’creidsinn gu’m b’e Nadur ’s a laghannan na h-uile. A rìs bha cuid an comhnuidh a’ tagradh gu’n robh co-dhiu aon ni ’s a’ Chruthachadh nach robh fo riaghladh Lagha ach a Lagh fein—’s e sin toil an duine; bha cuid eile gu durachdach a’ stri ri dhearbhadh gu’n robh toil an duine cho maith ri fàs an fheòir fo riaghladh lagha gu teann, cruaidh, air dhoigh ’us nach robh ann an “saorsa na toile” as an deanteadh uaill cho tric ach faileus faoin leis am bitheadh daoine fein-speiseil ’g am mealladh fein. Bha e gu tric a’ tachairt gu’n robh iadsan a bha ’g aicheadh lathaireachd Dhe ag aicheadh saorsa toile an duine; ach, air an laimh eile, gheibhear moran de na daoine bu tréine a chathaich airson lathaireachd Dhe nach aidicheadh gu’n robh toil an duine saor. O thùs ar n-Eachdraidh, tha dearbhadh air gu’n robh Gaidheil na h-Alba a’ creidsinn ann an Dia, co-dhiu bha no nach robh an comhnuidh aca beachdan fallain mu thimchioll. Cha ’n ’eil mi cho chinnteach gu’n robh am beachdan cho soilleir no cho aon-sgeulach mu shaorsa na toile. Cha’n iongantach ged bhitheadh na Sean-fhocail Ghaidhealach ag iarraidh oirnn sealltainn air dà thaobh na ceiste so. Air an dara taobh cha’n ’eil saorsa toile, a réir coslais, comasach. Tha gach ceum do d’bheatha air a shonruchadh dhuit, agus tha thusa gu h-umhail, dall, mar gu’m bitheadh taod ri d’ shroin ’s neapacain mu d’shuilean, a’ coimhlionadh rùn nach léir dhuit fo riaghladh cumhachd nach aithne dhuit. Thug ar n-Aithrichean dan mar ainm air a’ chrannchur a bha air a chur a mach do gach neach. Cha robh ri dol seachad air. “Am fear d’an dàn a’ chroich cha teid gu brath a bhàthadh”; “Am fear d’an dàn an donas ’s ann d’a a bheanas”; “An rud a bhitheas ar dàn, bithidh e do-sheachanta”; Bha ’n là ’g a ruith”; “Bha sìneadh saoghail aige”; “Fear an t-saoghail fhada, cha bhi baoghal h-uige.” Cha ’n ’eil mi meas gu’n cuireadh Turcach,—le phiob ’n a phluic, le lamhan paigste n’ shuidhe air a mhàsan, an uair a tha ’thigh ’n a lasair mu chluasan,—a chreidimh ann an cumhachd Naduir ’s ann an neo-nitheachdan Duine ann an cainnt a bu teinne na so. Ach tha taobh eile air a’ cheist. Bha ar n-Aithrichean ’n an daoine laidir, lughmhor, fearail. Bha an Tìr neo-thorach, agus bha naimhdean lionmhor. Is ann le strì chruaidh a sholaireadh iad lòn, ’s a dhìonadh iad iad fein o’n naimhdean. A thuilleadh air so, cha mhor àitean anns an robh gnuis Naduir ri faicinn cha muiteach, luaineach ri Gaidhealtachd na h-Alba. Monadh ’us srath, coill ’us linne, amhainn ’us caol, muir ’us tìr air am measgadh ’s air an amladh ’n a chéile;—a ris caochlaidheachd na siontan, ’s a mhaduinn a ghrian is àille, air meadhon là “tairneanach ’us dealan-speur,” mu fheasgar an doinionn a’ spionadh nan craobh as am bun. Dh’fheudadh an leithidean so de dhaoine, le leithid so de chaithe-beatha, ’n a leithid so de Thìr, an uair a rachadh cùisean ’n an aghaidh, ni-eigin de shòlas fhaotainn ann a bhi ’g radh, agus air dhoigh [TD 358] a’ creidsinn, gu’n robh sud an dàn doibh; ach feudaidh sinn a bhi cinnteach cho fad ’s a bha chrioch am folach orra, gu’n robh iad a’ gluasad mar gu’m bitheadh an dàn ann an tomhas mòr ’n an lamhan fein. Dearbhaidh na Sean-fhocail so. Chunnaic sinn mar bha iad a’ teagasg gu’n robh an ciontach toillteanach air peanas. Bu theagasg mi-sheadhar so mur b’urrainn duine an t-olc a sheachnadh. A rìs an uair bha ar n-Aithrichean a’ deanamh aoraidh do Dhia fo shamhladh na gréine, bha iad a’ meas gu’m bu choir, an toiseach gach ni, cùrsa na gréine a leantainn, agus thainig a’ chleachduin agus a’ chainnt a nuas g’ ar latha fein: “Deiseal air gach ni”; “Car tuathal t-aimhleas.” Tha Sean-fhocail de’n aon teagasg lionmhor: “Cha ’n ’eil neach gun dà latha”; “Cha ’n ’eil tuil air nach tig traoghadh”; “Cha ’n ’eil carraig air nach caochail sruth”; “Is tric a bha craiceann an uain air a’ chléith cho luath ri craiceann na caorach.” Cha ’n iarradh am fear a bu déine air taobh saorsa na toile focail a bu fhreagarraiche na iad so a chum a bheachdan a chur an ceill. Ciod, ma ta, a their sinn mu na nithean so? A’bheil teagasg ar Sean-fhocail air a phuinc so, mar bha bata fiar Dhughaill Buchannain, “an aghaidh a’ cheile? ’S i mo bharail gu bheil. Mu’n cuairt air a cheist tha dorchadas tiugh. Bheachdaich ar n-Aithrichean air a’ chuis gu geur. Bha iad tric ’s a chrann; ach bha ’n ceò domhail, agus ciod an t-ioghnadh ged theireadh fear gur e feannag ’s fear eile gur e fearann a bha ’s an t-sealladh. Saoilidh mi gu’n aidicheadh a ’chuid a bu ghlice dhiubh gu’n robh iad an so aghaidh ri aghaidh ri diomhaireachd mhoir,—nach robh iad a’ faicinn ach “gu dorcha tre ghloine”; ach gu’m feitheadh iad gu foighidneach ris an àm anns an aithnicheadh iad mar bha aithne orra, a’ creidsinn, gu h-iriosal ach gu durachdach, an traths’, gu’m “bi gach ni mar is aill le Dia.” 3. Tha Dia fior, ceart, maith. Tha dhà-dheug d’ar Scan-fhocail anns an d’fhuair mi ainm an Uile-chumhachdaich. ’S ann le urram ’s le soluimteachd chubhaidh a gheibhear an t-Ainm naomh air a luaidh. Agus ’s e maitheas, firinn, ceartas a gheibhear co-cheangailte ris an Ainm. “An ni a gheall Dia, cha mheall duine”; “Thig Dia ri airc, ’s cha ’n airc an uair a thig”; “Is gearr gach reachd ach riaghailt Dhe,”—agus mar sin sìos. An uair a pheacaich Daibhidh ’s a bha e ’n teinn mhoir, roghnaich e tuiteam an lamhan Dhe seach an lamhan Dhaoine. Nach maiseach a tha co-ionann peacach agus co-ionann earbsa ’s an da Shean-fhocal Ghaidhealach: “Tuislichidh an t-each ceithir-chasach”; “Cha dubhairt Dia na thubhairt thu.” Tha mi ’smuaineachadh gu’n aidich an Leughadair gur airidh ar Sean-fhocail air aire ’s air meas nach ’eil iad a’ faotainn ’n ar latha-ne. Gheibhear fiosrachadh earbsach annta mu bheachdan ar Sluaigh ’s an àm a dh’fhalbh. Gheibhear teagasg annta d’an d’thug daoine treuna umhlachd. Toillidh an earailean, am beachdan, ’s an firinnean urram uainne airson an aois, am maise, ’s an gliocais. Bha suil ar n-Aithrichean, ma dh’fhaodte, ro thric ’n an deigh. Is còir dhuinne sealltainn air ar n-ais le h-urram, ach ’s e dol air ar n-aghaidh ar dleasdanas. Gheibh sinn ar barantas ’s an t-Sean-fhocal: “Leintean farsuing do na leanabaibh òga.” D. M’K. [TD 359] ORAN DO’N NOLLUIG. LE EOBIAN MACLACHAINN. FONN.— Di haal-lum, di-haal-lum, Di-i ’il i ’il, hanndan, Di-dir-ir-i hal-i’il-lum Di-dir-ir i hal-haoir-um, Di-hi ’il, i ’il hal-dir-iri, Hari, haal, haoir-um, Di-i ’il-haal, dil-il-i ’il, Dor-ri, ho ’ol, hanndan. A Nigheanan, biodh criodhalas Ga fhriothaladh ’s an àm leibh; Cha dlighe dhuinn bhi suidheagan ’S ar cridheachan fo champar; Bheir mise ’n ceol gu fileanta Le frith-leimnich nan rann duibh, ’S grad-eirgheadh ceathrar inich ’theid Gu h-ingealta romh ’n dannsa. Di-haal-lum, &c. ’S i Nolluig i! b’e ’sonas duinn! Car son a bhiodh oirnn anntlachd? ’S e ’s tocha leinn ’bhi soganach, Na biodh am botul gann oirnn; Biodh sgop an t-sruthain fhortanaich Air bharr nan copan seannsail; ’S gu sgobar as gu socrach i— Cha’n fhiugh gun deoch an dannsa. Di-haal-lum, &c. ’S i Nolluig àm is toiliche Le molamas an annlainn, Gu h im’cach, caiseach, botulach, A dh’ fhuadach gort a’ ghanntuir: Na bonnuich chruinn-thiugh, chorca, tigh’n Air bhrod-mhiosaibh a nall duinn, Gu ròslach, feòl-bhruich, brotagach; ’S gu’n deantar cosd gun taing leinn. Di-haal-lum, &c. Am fasan ’bh’aig ar n’ athraichean, Coimh-leanamid ’s gach àm ris; Na cleachdainnean a bh’ acasan Na leigear dad air chall diu: Gur cliuiteach, mùirneach, aighearach An tigheadas bu cheann duibh, B’e’m beus ’bhi tlachdmhor, fialuidh, ceart, ’S am pailteas fo ’n comannda. Di-haal-lum, &c. Gach mùgaire trom air tealaich Tha snaigheadh as le ganntas, Cha’n iarr sinn iad an taice ruinn, ’S neo-chridheil gart an dranndain: ’S i ’bhuidheann eibhneach, aigeannach, Bu tlachdmhoire ’bhi ’cainnt riu, Bho n’ tig an ealaidh bhlasadach Is taitneach siubhal ranntachd. Di-baal-lum, &c. ’S i nochd an oidhch’ is urramaiche ’Chunnaic sinn le’r sealltuinn; Gur furanach a bhuineadh dhuinn A cumail mar a gheall sinn: Biodh sulas air a’ mhuirichinn Gun mhulad ga’n cur aimhreith ’S bheir mise ’n ealaidh chuireideach Is iullagaiche srann duibh. Di-haal lum, &c. MAR A CHUIREADH SUAS AN FHEINN. (Bho J. F. Caimbeal.) BHA righ aon uair air Eirinn leis am bu duilich cis a leag na Lochlannaich air Alba ’s air Eirinn. Bha iad a’ tighinn air a rioghachd fhein an am foghair agus samhraidh ’g am beathachadh fhein air a chuid, ’s iad ’n an daoine calma, laidir; ag itheadh ’s a’ milleadh na bha na h-Albannaich ’s na h-Eirionnaich a’ deanadh ri bliadhna eile. Chuir e fios air comhairleach, a bh’ aige ’s dh’ innis e dha na bha ’n a bheachd: gu ’n robh toil aige doigh fhaotainn air na Lochlannaich a chumail air an ais. Thuirt an comhairleach ris nach cinneadh sid leis an gradaig, ach na’n gabhadh e chomhairle-san gu ’n cinneadh e leis ri ùine. “Pòs,” ars’ an comhairleach, “an ceud fhear agus an ceud bhean a’s mò an Eirinn air a’ cheile; pòs an sliochd air a cheile a rithist; leig an treas ginealach an coinneamh nan Lochlannach.” Chaidh so a dheanadh, ’s ’n uair a thainig an treas ginealach gu h-inbhe dhaoine thainig iad a nall a dh-Albainn agus Cumhal air an ceann. Chinnich leo na Lochlannaich a sgrios ’s a chur air an ais. Rinn Cumhal righ deth fhein an Alba an uair sin leis na daoine so, ’s cha leigeadh e Lochlannach no Eirionnach a dh-Albainn ach e fhein. Bha so ’n a dhoilgheas le righ Lochlann, ’s rinn e suas ri righ Albann gu ’m biodh cairdeas eatorra thall ’s [TD 360] a bhos an uair sin. Chuir iad ri cheile, na tri righean, righ Lochlann, ’s righ Albann, ’s righ Eirionn, gu ’m biodh còisir mhor dhamhsaidh aca, ’s gu ’m biodh cairdeas agus reite eatorra. Bha sgeim eadar righ Eirionn agus righ Lochlann righ Alba a chur gu bàs. Bha Cumhal cho treun ’s nach robh innleachd air a chur gu bàs, mar am marbhteadh le a chlaidheamh fhein e, ’n uair a bhiodh e dìolta òil agus mnatha, ’n a chadal. Bha ’roghainn aige de dh-aona bhoireannach a bha ’s a’ chuideachd, agus ’s i nighean righ Lochlann a ghabh e mar roghainn. Nuair chaidh iad a luidhe bha duine anns a’ chuideachd d’ am b’ ainm Arcan dubh a shonraich iad airson am mort a dheanadh nuair a bhiodh iad ’nan cadal. Nuair a chaidil iad fhuair Arcan dubh claidheamh Chumhail ’s mharbh e leis e. Bha ’m mort deanta ’s bha ’h-uile cuis ceart. Bha Alba fo na Lochlannaich ’s fo an h-Eirionnaich, ’s bha claidheamh Chumhail aig Arcan dubh. Dh’ fhag righ Lochlann a phiuthar aig righ Eirionn, ’s ordugh aige na ’m bu leanabh-mic a bhiodh aice a mharbhadh, ach na ’m bu leanabh-nighinn a bhiodh ann a chumail beo. Bha faisneachd ag innseadh gu ’n d’ tigeadh Fionn Mac Chumhail, ’s gur h-e ’n comharra a bha air so, amhainn a bha an Eirinn, nach marbhteadh breac oirre gus an tigeadh Fionn. ’S e a thionndaidh a mach a thoradh na ceud oidhche a bha ’n sid gu ’n d’ rug nighean righ Lochlann mac agus nighean do Chumhal. Cha robh piuthar aig Fionn ach i so, ’s b’ i mathair Dhiarmaid. An oidhche a rugadh iad theich a mhuime leis a’ mhac, ’s chaidh i do dh’ àite fasail leis, ’s bha i ’g a bheathachadh ’s ’g a chumail suas an sin gus an do thog i ’n a leanabh foghainteach, tlachdar e. Smaoinich i gu ’m bu duilich leatha e ’bhith gun ainm aice. ’S e ’n ni a rinn i, dh’ fhalbh i leis thun a’ bhaile feuch am faigheadh i innleachd air ainm a thoirt air. Chunnaic i sgoilearan a’ bhaile a’ snamh air loch uisge. “Falbh a mach cuide riutha siud,” ars’ ise ris, “’s ma gheobh thu greim air h-aon cuir fodha e ’s bath e, ’s ma gheobh thu greim air dithis cuir fodha iad ’s bath iad.” Ghabh esan a mach air an loch ’s thoisich e air bathadh na cloinne. Thuit gu ’n robh fear de dh’ easbuigean an àite ’g a choimhead. “Co,” ars’ esan, “am Mac Maol Fionn ’ud, ’s rasg righ ’n a cheann a tha a’ bathadh nan sgoilearan?” “Gu meal e ainm,” ars’ a mhuime, Fionn Mac Chumhail Mhic Fhinn Mhic Uile-bheurais, Mhic h-Art, Mhic Ard-righ Eirionn, ’S tha uams’ a bhith ’g am thoirt fhein as.” Thainig esan, an sin, air tir agus sgriob ise leatha e. Nuair a bha ’n toir gu breith orra leum e bhar muin a mhuime, ’s rug e air chaol da chois oirre, ’s chuir e mu amhaich i. Chaidh e stigh roimh choille leatha, ’s nuair a thainig e mach as a’ choile cha robh aige ach an da lurga. Thachair loch ris an deigh tighinn a mach as a’ choille ’s thilg e ’n da chois a mach air an loch. ’S e Loch nan Lurgann a theirteadh ris an loch as a dheigh so. Dh’ fhas da bheist mhoir á da lurga muime Fhinn. ’S e siud an cairdeas a bh’ aige ri da bheist Loch an lurgann. Dh’ fhalbh e ’n so, ’s e gun bhiadh gun dibh, dh ’ionnsuidh a’ bhaile mhoir. Choinnich Arcan dubh, ag iasgach air an amhainn, e, agus cu cuideachd ris, Bran Mac Buidheig. “Cuir a mach an t-slat air mo shon-sa,” ars’ e ris an iasgair, “’s an t-acras orm, feuch am faigh thu breac dhomh. [TD 361] Liudh am breac ris, ’s mharbh e ’m breac. Dh’ iarr e ’m breac air Arcan dubh. “’S tusa ’m fear,” ars’ Arcan dubh, “nuair a dh’ iarradh tu ’m breac, ’s mise ’g iasgach o cheann bhliadhnaichean do ’n righ, ’s gun bhreac agam da fhathasd.” Dh’ aithnich e gur h-e Fionn a bh’ aige. Gus an sgeul a chur an aithghearr mharbh e breac do ’n righ, ’s d’a mhnaoi, ’s d’a mhac, ’s d’a nighinn, ma ’n d’ thug e gin do dh’ Fhionn. Thug e ’n sin breac dha. “Feumaidh tu,” ars’ Arcan dubh, “am breac a bhruich an taobh thall de ’n amhainn, ’s an teine ’n taobh so d’i, mu ’m faigh thu mir deth ri ’itheadh; ’s cha ’n fhaigh thu cead maide ’tha ’s a’ choille a chur g’a bhruich.” Cha robh fios aige ’n so dé a dheanadh e. ’S e an ni a thachair, chaidh e air toir min shaibh, ’s chuir e na teine i thar na h-amhann. Thainig tonn de ’n lasair a nall ’s loisg i ball air a’ bhreac, ni a bha air a bhacail. Chuir e ’n so a mheur air a’ bhall dubh a thainig air a bhreac, ’s loisg e i, ’s chuir e ’n sin ’n a bheul i. Fhuair e ’n so fios gur h-e Arcan dubh so a mharbh ’athair; ’s mar am marbhadh esan Arcan dubh, ’s e ’n a chadal, gu ’m marbhadh Arcan dubh esan an uair a dhuisgeadh e. ’S e ’n ni a bha ann mharbh e ’m bodach. Fhuair e ’n sin cu ’s claidheamh; ’s e b’ ainm do ’n chu Bran Mac Buidheig. Smaoinich e ’n sin nach toireadh e ’n Eirinn na ’b’ fhaide, ach gu ’n tigeadh e dh’ Alba airson saighdearan ’athar fhaotainn. Thainig e air tir am Farbaine. Fhuair e ’n sin meall mor a dh’ Athaich, daoine gnathasda. Thuig e gu ’m b’ e na saighdearan a bha aig ’athair a bha ann, ’s iad ’nan ciomaich bhochd aig na Lochlannaich, ’a sealg daibh, ’s gun iad a’ faotainn ach an t-iomall ’na theachd-an-tir dhaibh fhein. Thug na Lochlannaich uatha na h-airm nuair thigeadh cogadh na ni sam bith eagal eiridh leis na naimhdean. Bha aon duine sonraicht, aca airson togail nan arm sin d’ am b’ ainm Ullamh Lamh-fhada. Chruinnich esan na h-airm ’s thug e leis iad uile, ’s thuit gu ’n robh claidheamh Fhinn ’nam measg. Dh’ fhalbh Fionn as a dheigh ’s e ’g iarraidh a chlaidheimh fhein. Nuair a thainig iad an sealladh an airm Lochlannaich thubhairt e.—— Fuil air fear ’s fear gun fhuil, Gaoth thar sluaigh, ’s truagh gun Mac an Luin. “Dé a bhith g’ am buin sin?” arsa Ullamh Lamh-fhad. “A’ chorcag chlaidheimh a bha agam,” arsa Fionn, “thug sibh leibh a measg chaich i; ’s misde mise gam dhìth i ’s cha ’n fheairde sibhse agaibh i.” “Dé ’n t-euchd a b’ fhearr a dheanadh tu leatha na ’m biodh i agad?” “Cheannsaichinn an treas cuid de na chi mi mu m’ choinneamh de shluagh.” Thug Ullamh Lamh-fhada lamh air na h-airm. An claidheamh a bu choltaiche ’s a b’ fhearr a fhuair e ann thug e dha e. Rug e air ’s chrath e e, ’s thilg e as a mhaide feodain e, ’s ars’ e,— ’S e fear dh’ an ealtuinn dhuibh a th’ ann; Cha b’ e, Mac an Luin—mo lann; Cha bu lochd a thoirt á truaill, Bhar uain cha tugadh e ’n ceann. Thuirt e ’n dara uair na briathra ciadhna, Thuirt e ’n treas uair, Fuil air fear agus fear gun fhuil, Gaoth thar sluaigh ’s truagh gun Mac an Luin. “De a dheanadh tu leis na ’m faigheadh tu e?” “Dheanadh gu ’n ceannsaichinn uile na chi mi.” [TD 361] Thilg e air lar na h-airm uile. Fhuair Fionn a chlaidheamh, ’s ars’ e ’n sin, “’S e so fear mo laimhe deise-sa.” Thill e’n sin ’ionnsuidh nan daoine a dh’ fhag e. Fhuair e ’n t-ord Fann ’s sheinn e e. Chruinnich na bha ’n taobh deas de dh’ Alba de na Fianntaichean far an robh e. Dh’ fhalbh e leis na daoine so, ’s chaidh iad am bad nan Lochlannach, ’s a’ chuid nach do mharbh iad diu sgiurs iad á Alba iad. SGIALACHD NA TROIDHE, TOISEACH AN OCHDAIMH LEABHAIR. Suim. Tha Iobh air mullach sliabh Olimpuis a’ toirmeasg do na Diathannan dol a chuideachadh nan Troidheach no nan Greugach; ’s tha e an deigh sin a tigh’n a nuas gu sliabh Ida a dh-fhaicinn an da airm aig blàr. AIR FONN, “Mo thruaighe, mo thruaighe mi.” SGAOIL Aurora ’buidh-bhrat glòir’ ’S an aibheis mhòir gun cheann gun chrich, ’S dhealtraich i le foidhleas ròs Driùchd an lòin a b’ òr-dhearg fiamh. Chruinnich Pàrlamaid nan spéur Gu Iòbh nam beithir ’s béucach srann; ’S shuidh iad anns na neòil air àird’ Olimpuis ’àigh nan ioma meall. Thionnsgainn an dia bu mhòrdhach smachd, Thug nèamh le geilt-chrith cluas d’ a reachd:— “Eisdibh, a stàta nan spéur Mo thoil ’g a léughadh, ’s gabhaibh beachd. Mo thoil cha’n atharraich gu bràth Cha’n fhaod gu’n teid air m’ fhàinte stad. Aontaichibh gu léir do m’ dhòigh, ’S gu ’n cuirinn m’ òrdugh ’n gnìomh gu grad. Dia sa bith theid sìos a chòir Faiche-comhraig nan lann dlùth, Theid iomain air ais do ’n spéur Fo throm chréuchd, gun mheas, gun chliù; No tilgidh mi ’m fheirg e mach Sìos do ’n aigeal dhubh gun ghrunnd, Cho iochdrach fo ’n chruinne-ché ’S a tha spéuran àrd bho ’n bhonn. Fo gheataibh-iaruinn an glais ’S an t-sloc-lasrach is dubh toit Air ùrlar loisgeach na prais’. An truagh phéin gun fhois, gun chlos. Gheobh e fios mar sin gu beachd Gur h-ann leamsa ’s treasa neart, Casgrar luchd m’ fhuath-s’ fo m’ smachd, ’S géillidh m’ oibrean ian do m’ reachd. Ach, éirgheadh gach dia air nèamh, ’S leigidh sìos an t-slabhraidh-òir Gu m’ thoirt a dh-aindeòin a nìos Bho m’ chathair is rìoghail glòir: Feuchaibh mo threòir ’s a’ chruaidh-ghleachd, ’G am spìonadh le ’n uile neart; Chì sibh gur diomhain ur strith, Chaoidh cha ghluaisear righ nam flath. Ach na ’n sininn-sa mo làmh, Sguabainn sibh le gabhadh géur, Chrochainn sléibhtean a’s muir-làn Ri m’ shlabhraidh mhòir ri aird’ nan spéur. Critheadh gach dùil mu ’n iadh grian ’S an iarmailt fharsuinn gun cheann; Critheadh an talamh bho bhonn Bho ’n ’s mis’ an tì is àirde th’ ann!” Dh’ fhan iad le geilt-chrith ’n an tosd Aig eagal gu ’m brosnaicht’ fhearg Mu dheireadh thionnsgainn an dàn Minerva sheamh nam meall-shul gorm: “A dhé gach dé! gur fiosrach sinn Gu’n cosgrar gach nì fo d’ smachd; Ach ’s goirt leam truaighe na Gréig! ’S mo laoich thréun ’g an lannadh as! Fanaidh sinn air d’ iùil bho’n chath, ’S ar deòir a’ frasadh gu dian, Mu bhi faicinn nan sonn àigh A’s sgrios a’ bhàis ’g an gearradh sìos! Ach iarram do chead gu fòil Còmhnadh beag le arm na Gréig; Mo riaghal thoirt duibh ’s gach cùis, Mu ’m a millear iad ad dhiomb gu léir.” Sheall dia nan stoirm air og-ni ghràidh Le faite-ghàire b’ àilliah snuagh; Dh’ ìmpich e le ’briathran fòil, ’S thug e deòin d’ a miann ’s an uair. An sin cheangail e charbad buan Ri cùrs-eich luatha nam bròg prais’; ’S cas-bhuidh’ na muingeannan-òir Bh’ air druim nan stéud bu bhoidhche dreach. An éideadh or-dhealrach nan spéur, Shuidh e ’n cathair chéutaich àigh A’ soillseachadh mar ghréin an lò, ’S an t-slatag ingealt’ òir ’n a làimh! Bhuail e,—’s léum na seang-eich bhras Air itealaich roimh ghlaic nan nial, Eadar brat farsuinn nan réul ’S an talamh réidh-ghorm, sgaoilteach, cian. Air sliabh Ida ’m biodh an t-sealg, ’S fuaran airgid nan sruth mear ’S am beil tèampbull cùbhraidh ’n rìgh, ’S tein’ air altair ghrìnn gun smal; Na stéudan lasrach dh’ fhuasgail e Bho charbad dèarrsach nan dealbh òir ’S thaom e deatach ghorm mu ’n cuairt, ’S dh’ fhalchadh na h-eich bhuan ’s a’ cheò. [TD 363] Shuidh e air mullach an t-sléibh Far ’m bu léir dha muir a’s tìr An loingeas Gréugach air an tràigh ’S baile Thròidh nan àrd thùr grìnn. Ghabh feachd na Gréige ’n cabhaig biadh, ’S chaidh gach siad gu deas ’n a arm; Na Tròidhich bu teirce slòigh Dh’ ullaich iad gu comhstrith ghairg; Ach, ge tearc, bha ’n ’eigiun theann ’G an iomain gu fannlas cruaidh, Chum am mnai ’s am pàisdean òg’ A theasraiginn bho spòltadh truagh. Dh’ fhosgladh na geataichean àigh Bhrùchd gu gnìomh a’ chràidh na slòigh; Mar ghreannaicheas stoirm nan nial, B’ amhuil triall nam mìlidh mòr. Le gleadhraich charbad a’s stéud, ’S choisich ceum-luath ’teachd ’n an ceann; Fhreagair mac-talla nan spéur, ’S chrith am blàr gu lèir fo ’m bonn. ’N uair choinnich iad air an raon, Thionnsguin strìth nan laoch gun mheang Feachd ri feachd, a’s tréun ri tréun, Sgiath ri sgéithidh, lann ri lainn. Dh’ ìnntrig tuasaid ghoirt nan stràc, ’S frasadh shaighdean-bàis ’n an deann, Gaoir luchd-buadhach, raoicich-bhròin, Réubadh feòla, spealtadh cheann; Blàth-fhuil dhearg ’n a tuiltean cas ’G a taosgadh gu bras mu ’n fhonn; Cuirp bhruite ’n an cruachan marbh; B’ oillteil léir-sgrios garg nan sonn Fhad ’s a ghluais a’ mhadainn chiùin ’N a soillse romh chùirt nan spéur, Bha claidheamh-anraidh a’ bhlàir Leis a’ Ghréig nach ceàrr ’s an strìth. An sin bho Ida nan cruach àrd Bhéuc na tàireinich ’s an spéur; Thilg e bheithir luath le srann As na neòil romh rang na Gréig’. An uair a chunnacas air an leirg A meall lasrach, téintidh, dearg; Dh’ oglaich agus theich roimh fheirg, An neart ’s an treòir gu buileach shearg, &c. AN T-EILEAN SGIATHANACH. AM measg nan eilean lionmhor a ta air an sgapadh air taobh an iar na h-Alba, cha’n ’eil a h-aon a choimheasar ris an Eilean Sgiathanach. Is iomadh treun-laoch a rugadh agus a dh’ aruicheadh ann, agus is iomadh gniomh euchdach agus allail a rinneadh anns gach cearnadh dhe’n t-saoghal le sliochd cruadalach agus gaisgeil “Eilein a’ cheo.”—Ach cha’n ann air treubhantas agus cruadal nan Sgiathanach a leuduichear aig an am ach air an Eilean fein, a thaobh lionmhorachd nan sealladh iongantach a chithear anns gach cearnadh dheth,—seallanna, a bheireadh air neach smuaineachadh air amannaibh, nach deachaidh an locair-min a chur air dealbh-choslas gach sluic, beinn’, agus creige, chum an deanamh iomlan. Tha na seallannan chithear ceithir-thimchioll an Eilein gu tur eugsamhla, agus air chaochladh cumachd agus deilbh anns gach aite agus oisinn deth fa leth. C’ait am faicear beannta a shamhlaichear ris a ’Chuilfhionn, no ri Beilig, Blath-bheinn, Scor-nan, gillean, Marsco, Glamaig, agus na ficheadan eile? Is e Alasdair Mac Challuim fein a mholadh mar bu choir iad an uair a thubhairt e:— “An toigh leat na beanntan mor Cruachan ’s na neoil gu h-ard? Coireachan frithean, dachaidh an fhir-eoin, ’S an cluinnear na h-easan a’ gair? An toigh leat na glacagan grianach, Innisean sgiamhach nam bo? Is uamhan ’bheir fonn ri guth nan tonn? Suibhail gu “Innis a’ Cheo.”— Am measg nan loch iongantach tha’n toiseach aig “Coir-Uisge”—am measg nan uamh tha’n t-urram aig “Sloc-Altramain,”—ach cha’n fheumar dearmad a dheanamh air “Uamh-a’-choinnleir,”—“Uamh-an- oir,”—“Uamh-I-drigil,” agus na h-uiread eile. Am measg nan ard-stuc a ta lionmhor ’s an Eilean chithear le h-iongantas “Nic-Cleosgair-mhor, agus a cuid nighean ’n an seasamh gu h-uaibhreach ard, daingean,— “Measg gairich ghairbh nan stuadh.”— Ach de gach sealladh neonach ’s an Eilean, cha’n ’eil a h-aon a bheir barr air “Cuithfhraing,” agus an “storr” ’s an airde tuath, mu thimchioll an dubhairt am Bard foghluimte ceudna Alasdair Mac Challuim anns an 42mh aireamh de’n ‘Ghaidheal.” [TD 364] “Is chi thu ard-ioghnadh Chuithfhraing, Le ’bhadailean aibhseiseach mor, ’S an Storr cho cas le bhinneinean glas, Eadar do shealladh ’s na neoil.” Cha’n fhurasda gun teagamh, cunntas a thoirt air “Cuithfhraing,” a bheir beachd ceart, soilleir, air uile mhaise agus bhoichead an aite mhiorbhuilich sin. ’S e’m filidh deas-bhriathrach a dh’ ainmich mi a cheana, a mholadh gudligheach e. Ochan! is ionmhuinn, foghluimte, teo-chridheach,—duthchasail an t-og-uasal e. Air da a bhi air a dheachdadh le deagh run-cridhe do na Sgiathanaich gu leir, tha eadhon aile agus aimsir, cuisean agus cleachdannan an Eilein sin, gun ghuth a thoirt air a luchd-aiteachaidh, gu leir ionmholta ’n a shealladh. Is og a chunnaic e solus na grein’ ann an Eilean a ghraidh, agus gu deireadh a laithean,—agus is e durachd a a luchd-eolais gu’n robh iad buan,—cha di-chuimhnich e an tir thaitneach sin anns an d’ rugadh, agus anns an d’ aruicheadh a shinnsearan bho linntibh cein. Ochan! ma ta, nach e a bheireadh minchunntas ann an Gaelic, air oirdheirceas Chuithfhraing! Anns an aite iongantach sin, tha mir comhnard fearainn air a dhealachadh agus air a chleith ann an uchd ard-chreige corruich, a bheireadh ni’s leoir do’n chat a direadh. Tha ’bheinn anns am bheil an comhnardan sin air a dhruideadh suas, mar mhile troidh air airde. Air an taobh tuath tha aghaidh na beinne so garbh, rocach, carraigeach, le stucaibh arda agus colmhuinnibh biorach, geur, glasa, ag eiridh suas. Chithear an sud agus an so sgoltan caol, dubh-ghagan dorcha, agus sgriochan riobhagach, tana, a’ gearradh agus a breacadh gnuis na carraige, agus ’g a fagail mar gu’m biodh i air a snaigheadh sios le gilbibh geur nan Ciclops, no le famhairibh alluidh, fiadhaich, le acfhuinnibh grabhadaireachd aca ’n an lamhaibh treun! Ann an aghaidh na craige moire sin, ma ta, tha comhnardan aillidh Chuithfhraing air fholuchadh, agus air a chuairteachadh le dion-bhallachaibh corrach a ta ’g eiridh suas ’n an colbhaibh arda chum nan neul. Tha fosgladh mor, cas ann, trid am faigh am fear-turais le strith a stigh dh’ ionnsuidh an reidhlein thaitnich, uaine sin a ta roimhe; ach air faotuinn dha a steach, tha’n inntinn aige air a lionadh le h-iongantas a thaobh an t-seallaidh air an tuit a shuilean. Cha Chreid e a leirsinn fein, agus bithidh e ann an teagamh am bheil no nach ’eil a shuilean ’g a mhealladh. Na’m biodh Coinneach Ciobair ann an sin, bheireadh e a bhóid gur iad na sithichean a dh’ ullaich an t-aite neonach so mar thuineachas dhoibh fein, oir tha e cosmhuil ri ionad-comhnuidh nan leannan-sithe. Chithear barr-mhullach nan stuc ceithir-thimchioll, a casadh gu greannach suas, ach tha gach stuc air a bhonn fein, a’ seasamh mar fhreiceadan air ceann ard na slighe. Cha’n ’eil neach sam bith nach saoileadh gur iad ionadan-comhnuidh chreutair neo-thalmhaidh a ta air an sgaoileadh a mach fa chomhair nan sul. An uair a dh’ amhairceas neach gu geur air gach sturraig agus binnean, a ta air an suidheachadh air gach taobh, tha’n inntinn a’ dealbhadh riochd-chreutairean do gach cumadh gun aireamh, mar gu’m biodh iad air an gearradh a mach le laimh theoma fir-ealaidh, air aghaidh nan creag. Chithear, mar anns na h-eibhlibh ’s a ghrìosaich, coin, eich, feidh, carbadan, caistealan, laochraidh, agus riochdan de gach gne, gu friotalach, frionasach a’ casadh an aghaidh a cheile. Dealbhaidh an inntinn mar sin, aogas bhithean araidh agus eug-samhla, mar gum b’ann a’ ruith air [TD 365] feadh a’ cheile. Cha sgithich neach sam bith aig am bheil tlachd ann an oibribh miorbhuileach a’ chruthachaidh, ann a bhi ’g amharc air garbh-ghnuisibh nan turaidean agus nan geur-spiricean a ta ’cuairteachadh an ionaid neonaich sin. Is leoir an sealladh chum spiorad an duine e lionadh, cha’n e mhain le h-iongantas do-chur an ceill, ach mar ann ceudna le h-uamhas agus le h-eagal diadhaidh. An uair a bhitheas an la soilleir, grianach, chithear solus na greine a’ dearrsadh gu lannaireach, drillinneach troimh gach fosgladh agus cos a ta dealachadh nan colbh stucach air gach taobh! Ach, air an laimh eile, an uair a bhios trom-cheo mar bhrat duibhre air a sgaoileadh thairis air na h-ionadaibh aillidh sin, chithear gach ni gu tiamhaidh, oillteil, uamhasach, mar gu’m biodh an t-aite gu tur fo chumhachd spiorad an dorchadais agus air fhiosrachadh le lathaireachd eagallaich nan deamhan mi-shuaimhneach! Is laidir an ceann, agus is daingeann an eanchainn nach cuirear troimh a’ cheile air amannaibh le h-uamharrachd an t-seallaidh so! Is neo-shuimeil, dall, agus aindiadhaidh an neach sin a thilgeas a shuilean air na h-oibribh miorbhuileach sin, gun ghloir a thoirt do’n Ti a’s Airde, a dhealbh iad le focal a chumhachd! Is oibre iad a tha ’togail fianuis air cumhachd agus gliocas a’ Chruitheir, gu sonraichte (mar a thubhairt am bard ionmhuinn agus foghluimte a dh’ ainmicheadh a’ cheana) an uair a chithear iad:— “’S an fheasgar ’n uair thearnas a’ ghrian, Gu rioghail ’s an Iar gu tamh, Air mullach nam beann mar mhile lann, Bidh boillsgeadh nan gathan aigh; ’S gach dubh-sgor a’ dearrsadh gu cas, Fo lannair nan lasraichean oir, Gu h-ard ’s an speur eadar talamh is neamh, Sealladh na maise ’s na gloir.” SGIATHANACH. GARBH MAC STAIRN AGUS DUAL. DH’ imich Garbh mac Stairn agus Dual a dh’ fhaicinn Fhinn agus a threun fheara colgach, iomraiteach ann an gniomharaibh arm. Bha Fionn ’s an àm sin ’n a thigheadas samhraidh am Buchannti. ’N an turus d’a ionnsuidh, ghabh iad beachd air gach gleann agus faoin mhonadh, air gach allt agus caol choirean. Ghabh iad sgeul de gach coisiche agus gach fear a thachair ’n an còir. Ann an gleann nan cuach agus nan lon, chunnaic bùth taobh sruthain; chaidh a steach, dh’ iarr deoch; dh’ eirich ribhinn a b’ aluinne snuadh a dh’ fhàilteachadh an turuis le sìth. Thug i biadh dhaibh r’a itheadh, dibhe ri h-òl; dh’ iarr sgeul le cainnt thlà. Bhuail gaol o a sùil an Garbh borb, agus dh’ innis cia as daibh. “Thainig sinn o thìr nan crann, far an lionor sonn—mac righ Lochlann mise—m’ ainm Garbh Na’m b’ aill leat—esan Dual, o thìr nam beann, a thuinich an Albainn thuath—a ghabhail cairdeis gun sgàth agus aoidheachd o ’n àrd righ Fionn, sid fàth ar turuis, a chiabh na maise—ciod am bealach am buail sinn? seol ar cas gu teach Fhinn, bi dhuinn mar iùl, us gabh duais.”—“Duais cha do ghabh mi riamh, ars an nighean bu bhlàithe sùil ’s bu deirge gruaidh; “cha b’ e sid àbhaist Theadhaich nam beann éilde, ’g am bu lionor dàimheach ’n a thalla, ’g am bu tric tathaich o thuath—ni mise dhuibh iùl.”—Gu gleann-sìth tharladh na fir; gleann an tric guth feidh is loin; gleann nan glas charn us nan scor; gleann nan sruth ri uisg us gaoith. Thachair orra buaghar bho, us rinn dhaibh iùl; thug daibh sgeul air duthaich nan creag, air fir agus air mnaibh, air fàs shliabh agus charn, air neart feachd, air rian nan arm, air miann sloigh, agus craobh-thuinidh nam Fiann. [TD 366] SOP AS GACH SEID. Bonnach air bois cha bhruich ’s cha loisg. Bainne nan gobhar fo chobhar ’s e blàth, dh’ fhàg e spionnadh nan Gàidheal treun. An rud nach tig ’s nach d’ thàinig dhachaidh, grùdhan na h-earba gun bhrachadh. Nighean an droch mhairt ’s ogha a’ mhart mhath. Is lionmhar bean-bhleoghainn, ach is tearc banchag. Cha ’n ann de m’ chuideachd thù, cha ’n ann de m’ chuideachd thù, ars’ an calaman. An rud nach cairich cù no urra, far an cuirear gheobhar. Is geal an airidh air an aran sgalagan a’ chliathaidh. Bonnach a mhealladh cloinne—oir thiugh ’us cridhe tana. Am foinne mu ’n iath a ghlac, is niarachd mac air am bi. Am foinne mu ’n iath a’ bhròg, is niarachd bean-òg air am bì. Tha ian ’s a’ choill ’s their e, Is toigh leam thu, ’s toigh leam thu; tha ian eile ann ’s their e, dearbh e, dearbh e. Seasaidh an fhirinn gu daingeann air aon chois, an uair nach seas a’ bhréug ach gu cugalach air tri. S. A’ BHANN A BHA ’S AN TREACHAILL-MHARA. Seileach alld, calldann chreag, fèarna a’ bhuig, beithe a’ chnuic, darach an dubhair, agus uinnseann an deiseir. Tha an duine sin a ta ’caitheadh a bheatha fein, mar is còir da a dheanamh, cinnteach gu’m faigh e bàs mar is còir da fhaotuinn, thigeadh e luath no mall. S. “Tha duine a’ toirt breith air fein leis gach focal a ta tuiteam o bhilibh. Le thoil fein, no an aghaidh na toil ai e fein, tha a dhealbh air a tharruing ann an sùilibh sluaigh eile leis gach briathar a làbhras e.” S. Feumaidh an duine sin dìchioll a dheanamh le uile chridhe fein a ta steidhichte air deagh ainm fhaotuinn dha fein ’san t-saoghal.—air e fein a thogail suas gu h-inbh ur amaich ’na là ’s na linn fein, agus air deagh dhùrachd a’ choimhearsnaich a chosnadh dha fein. S. Tha seann daoine ann nach urrainn cur suas le suilbhearachd agus beothalas na h-oige; ach dh’ fhéudadh iad ceart co maith coire fhaotuinn do ’n earrach do bhrigh gur e an t-àm e ai son teachd nam blàth agus na duilleach, agus cha’n e an t-àm féudar duil a bhi aca gu’m faigh iad measan agus toradh an fhoghair. S. Tha deagh eiseimpleir chum buannachd do-thuigsinn do’n chinne-dhaonda, agus tha cumhachd anabarrach mòr aice thairis orrasan ris am bheil sinn a’ còmhradh. Is riaghailt bheò so a theagaisgeas daoine gu’n dragh sam bith; agus a dh’ fhéuchas doibh an aonta gun mhaoidh gun mhasladh sam bith. S. Tha daoine glice a’ measgadh cridhealais neo-chiontaich maille ris na nithibh a’ ta ’cur cùraim orra mar dhòchas aon chuid gu’n dichuimhnich iad na nithe sin, n gu’n toir iad buaidh orra. Ach tha iadsan a ta ’gan toirt fein thairis do ’n mhisg air son suaimhneis inntinn a’ deanamh an dìchill chum bròn a leigheas le amaideachd agus cuthach. S. AN T-IAN A CHREACHADH A NEAD AIR. Bhid, bhid, bhidein, Co chreach mo neadan? Ma is duine mór e, Cuiridh mi le tóm e; Ma is duine beag e, Cuiridh mile creig e; Ach ma ’s leanabh-beag gun chiall gun nàir’ e, Gu ’n gleidheadh Dia dh’ a mhàthair fhéin e. Is firinneach an seann-fhocal a deir “Gu’n caomhain am fear nach caith.” Agus thubhairt an Ti sin a labhair mar nach do labhair neach riamh, “An ti a ta firinneach anns an ni a’s lugha, tha e firinneach mar an ceudna a n am mòran; agus an ti ma eucorach anns an ni a’s lugha tha e eucorach an am moran, mar an ceudna.” Far am bheil neach nach gabh cùram de chuid a mhaighstir, cha ghabh e cùram de chuid fein. Tha grunndalas agus millteachd ’nan nithe aig am bheil mòr chumhachd thairis oirnn araon ’nar gnothuichibh fein, agus ann an gnothuichibh muinntir eile. Ma ni thu ana-caitheadh air cuid duine eile tha thu ’deanamh reubainn air. Tha thu ga chreachadh co’-ionnan air an dà sheol, agus tha ’n call dàsan an t-aon ni; ach ma tha cùram ort a thaobh codach do mhàighstir, gabhaidh tu an curam ceudna a thaobh do chodach fein, agus theid thu air d’ aghaidh air an t-slighe gu soirbheas. S. [TD 367] AISLING OISEIN.* LE PROFESSOR BLACKIE. Air a chur an Gailig le Mairi Nic-Eallair. BI ’n oidhch’ i, ’s ged chaidh mi sèimh air mo chluasaig, Bha m’ inntinn cho luaineach ’s cho luath ris an steud. Us chunnacas leam clàrsach air seann seileach seargte, Us lamh thana chruaidh a’ fann-bhualadh nan teud; Gheur-sheall mi ’s bho ’n làimh ghrad-chinn ard-choluinn uasal, Mar an geamhradh geal, fuar, bha a thuar ’us a lith; ’S bha ’chiùine ’s a’ mhàldachd ’bha dearrsadh ’n a ghruaidhean, ’S a mhòralachd uasal mar shuaicheantas righ; Bha chiabhagan tana a’ snàmh air na gaoithean, ’S e crùinte le ùrfhleasg de bhàrr geal an fhraoich; A mhala mar gheal-chloich gun salchadh le gailinn, ’S air leam nach robh fradharc an sùilean an laoich. Thuirt e, “Mhic na tìr Galld’ tha thu eòl domh ’us caomh leam, Thug thu gaol do mo shluagh agus buaidh thug dh’ an dàn; Na bàird rinn mi àrach fhir-ghràidh dhut is ceòlraidh, ’S rinn an duanagan bòidheach thu ògail ’us slàn; O, ’s tric ’us mi ’snàmh air glas-cheathach nam beanntan, Mar thaibhse nan taibhs’ aig cinn-fheadhna nan treun, Ghabh mi beachd air do cheum lùthor eutrom ’s a’ gharbhlach ’S do bhinn-ghuth ’s a’ cheò ’s ghabh mi còir ort dhomh fhein; A mhic ghaisgeil a’ Ghoill ni mi ’ghloir dhut a thìodhlac, Bho ’n leoman gu’n dìon thu an sgialachd ’s an duan; Gu’n dùisg thu gach pong de sheann uirsgeul nam Fiantan, Chum cuimhn’ nam mòr-ghnìomh rinn na saoidh a bhi buan. O, ’s tric mise ’gal a measg ceathach nan ard-bheann, ’S mi ’sealltainn air làraichean fàsail nan gleann; ’S gun aon ghuth ri chluinntinn ach caoidhrein nan caochan, Us osnaich na gaoithe feadh aonach nam beann; Us monmhur na tuinne ’s a’ phlosgail ag iathadh A gàirdeinean ciara mu ìochdar nan stùc; ’S nach cluinnear leam caithream nan òigear ’s nan gruagach, Le luinneig an dualchuis ’s a buaidh mar an driùchd. ’S nach cluinnear leam glaodh nam fear mor-bhroilleach soilleir, Na bàird bhiodh le coireal a’ dùsgadh an laoich; Tha ’n coigreach air bristeadh romh d’ bhallaichean uaibhreach, ’S e ’n Gall tha ’n a uachdran an dùthaich an fhraoich! O, ghuil mi ’s ged ghuil mi ciod am fàth tha ’n am dheoir dhomh, Cha till iad na slòigh ’chaidh am fògradh á m’ ghlinn; *Faic An Gaidheal leabh iii. 154. [TD 368] Ach, ’Albannaich ghràidh, thoiream dhutsa ri thasgadh An cànan a chleachdadh le laoich nan guth binn; ’Us liubhram dhut laoidhean a’ cheathaich ’s a’ chruachain, Nam mòr-thuiltean uaibhreach ’us nuallan nan tonn; Beum-sléibhe nan garbh-eas ’us crònan nam fuaran, Nan coireachan uaigneach ’s nan coilltichean donn; ’S a’ phìob bha gu tartrach ’n uair ’leagadh righ Lochlunn, ’S a laidh e gu dìblidh aig casan nan sàr; ’S a’ chaithream a sheinneadh ’us Fionn air a chuartach Aig fleadh, leis na h-uaislean thug buaidh anns an àr. ’Us bheir mi dhut òran a’ bhàird aig Bheinn-Dòrain, Le abachd an fhoghair ’as ciùine a’ Mhaigh; ’S an sruthanan caoimhneis gu h-aoibhneach a’ dòrtadh, ’S mar ur-bharrach-samhraidh air chrith anns a’ ghaoith; ’Us bheir mi dhut leabhar an Dòmhnullaich ghaisgeil Cho borb ris a’ ghaillinn ’s cho làidir ri beinn; ’N uair chuir e gu sàile deagh bhirlinn Chlann-Ràonuill Le gàirdeinean làidir toirt “hùgan” air tuinn; Rach ’s teagaisg do d’ shluagh cànan uasal nan Gaidheal, ’S ged rinn iad oirr’ dìmeas, o, dùisg iad gu bàigh; ’S thoir beatha as ùr ann an tìr nam beann fuara, Do’n cheòl bhios ’g a luadh ’fhad ’s bhios cuan tigh’n gu tràigh. Do ’n mhaise ni ’n dorus ’s a’ chreathal a chuartach, O, abair ri m’ shluagh iad a thabhairt am miann; ’S gun iad ’mholadh mar dhleasnas, no dh’ iarraidh mar shòlas Bhi ’tional an eòlais bho dhùthchannan cian. Air an àilein an cinn ’s ann ’s bòidhche an t-sobhrach, Cha ’n ’eil flùr a ni monadh cho sgiamhach ri fraoch; ’Us an smuain ud is doimhne tha i ’n taice do chridhe, Thig a leum thun an là ann an cànan nan laoch. Bithibh dìleas do chànan ur màthar, mo mhuinntir, A blàth-fhuil ur n-òig gheobh ur fearalachd lòn. Bithibh dìleas do ’n chainnt ’tha aig ceatharnaich mhòra, ’Toirt sgiathan dh’ an sòlas, ’toirt gath as am bròn. O, innis do m’ mhuinntir-s’ tha tàmh an Dunéideann, Gur nàire dhaibh cuimhne mo bhàird bhi fo lic; ’Us Gréigich ’us Ròimhich ag imeachd gu mòrail An dùthaich mo shlòigh-sa air ùrlar nan glic. O, gòrach, mi-dhìleas, c’uim’ bhios sibh ri dìmeas Air ionmhasan prìseil deagh dhùthaich nan tréun, ’N àite fleasg duillich uaine, a’ strìth ri bhi fuaghal Crùin luideagan suarach bho rìgheachdan céin! O, labhair ri m’ chloinn, séid an seann teine Gáidhealach Gus an éirich bho éibhlean an lasair le buaidh; Ri ceolruidh nam beann, lean gu teann agus faic i, Leis a’ Ghréig s’ leis an Ròimh an oil-theampull mo shluaigh. [TD 369] Sguir an taibhse a labhairt ’s e snàmh as mo shealladh, ’S ged a dh’ amhairc mi geur air son eudann an laoich, Chaidh e bhuam ann an tiota ann an dorcha na h-oidhche, Mar leug le grad-bhoillsgeadh theid as anns a’ ghaoith; Cha robh ann ach a’ chlàrsach ’s an seann seileach seargte, ’S am meur tana fann ud a’ dùsgadh na laoidh’; ’Us laidh mi gu deurach a sìos air mo leabaidh, Mar neach brònach mu ’n charaid nach till ris a chaoidh; ’Us thug mi mo bhòid a bhi dìleas dh’ a fhàinte ’Us gu ’m faicteadh an Gàidheal an àros nan glic, Mar-ri Greugaich ’us Ròimhich a’ triall tre na h-àlaibh, Le cliu nach teid bàs ’s ainm nach càirear fo lic. A’ BHANARACH DHONN A’ CHRUIDH. LE ALASTAIR DOMHNULLACH. [Ceòl] A BHANARACH mhìogach, ’S e do ghaol ’thug fodh chìs mi, ’S math ’thig làmhainnean sìoda Air do mhìn-bhosaibh bàna. Fonn—A’ bhanarach dhonn a’ chruidh, Chaoin a’ chruidh, dhonn a’ chruidh, Cailin deas donn a’ chruidh, Cuachag an fhàsaich. ’S mòr ’bu bhinne ’bhi ’d’ éisdeachd, An àm ’bhi ’bleodhann na spréidhe, Na an smeòrach ’s a’ Chéitein, Am bàrr géig’ ann am fàs-choill. A’ bhanarach, &c. ’Nuair a sheinneadh tu coilleag, A’ leigeil mairt ann an coillidh. Dh’ ialadh eunlaith gach doire, Dh’ éisdeachd coireal do mhànrain. A’ bhanarach, &c. [TD 370] Ged a b’ fhonnmhor an fhidheall, ’S a teudan an righeadh, ’S e ’bheireadh danns’ air a’ chridhe, Ceòl nighean na h-àiridh. A’ bhanarach, &c. Ceòl farusda fìor-bhinn, Fonnmhor, farumach, dionach, A sheinn an cailin donn mìogach, A bheireadh bìogadh air m’ àirnean. A’ bhanarach, &c. Gu ’m bu mhòthar mo bheadrach, ’Teachd do’n bhuailidh mu ’n eadthrath, Seadhach, seang-chorpach, beitir, ’S buarach greasad an àil aic’. A’ bhanarach, &c. ’S ciatach nuallan na gruagaich A’ bleodhann cruidh ghuaillinn, A’ stealladh bainn’ ann an cuachaig, ’S bodhar-fhuaim aig a clàran. A’ bhanarach, &c. Dà mhaoth bhios ’bu ghrinne, Fodh ’n dà ghàirdean ’bu ghile, ’N uair a shìnt’ iad gu sgileil Gu sinean cruidh fhàsgadh. A’ bhanarach, &c. Glac gheal a b’ àrd gleadhar A’ stealladh bainn’ an cuaich bhleodhainn, A’ seinn luinneagan seadhach, ’N a suidh’ aig gobhal na blàraig. A’ bhanarach, &c. Do chùl amlagach, teudach, Bachlach, feòirneineach, ceutach, De chnothan na géige, ’Cheapadh gléidhteach a làn diubh. A’ bhanarach, &c. ’Chuireadh maill’ air mo léirsinn, Ann am maduinn chiùin chéitein, Na gathannan gréine, ’Thig bho d’ theud-chul cas, fàinneach. A’ bhanarach, &c. ’Bheireadh dùlan na gréine, ’Dearsadh moch air foir d’ eudainn, ’S gu ’m b’ ait leam r’ a léirsinn Boillsgeadh éibhinn cùl Màiridh. A’ bhanarach, &c. ’S taitneach siubhal a cuailein ’G a chrathadh m’ a cluasan, A’ toirt muigh, air seid luachrach, An tigh buailidh ’n gleann fàsaich. A’ bhanarach, &c. Do mhuineal geal bòidheach, Mu ’n iathadh an t-òmar, ’S a dhath fhéin air gach seòrsa, ’Chite ’dòrtadh mu d’ bhràighe. A’ bhanarach, &c. ’N uair a thogadh tu ’bhuarach, Cuach, us cuinneag na buaile, B’ ao-coltach do ghluasad Ri guanag na sràide. A’ bhanarach, &c. Do chalpannan meanmneach, Mar cholbhan de mharmhoir, Cho geal ris na canaichean ‘Chinneadh fann-gheal ’s na blàran. A’ bhanarach, &c. Tha deirg’ agus gile ’Gleachd an gruaidhean na fine, Beul mìn mar an t-sirist, Bho ’m milis ’thig fàilte, A’ bhanarach, &c. Mar phàirc thaitneich de ’n ìbhri, Tha deudach na rìbhinn, Gur i ’n donn-gheal ghlan smìdeach, A’s ro mhìogshuileach fàilte. A’ bhanarach, &c. [TD 371-380] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla]